[TD 1] [Vol. 2. No. 1. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 1, 1893. No. 1. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHD AN NASEACHDAINN. Oiche Di-ciadinn, air an t-seachdain s’a chaidh, bha coignear dhaoin’ oga ’bha ’g ionnsachadh a bhi nan dotairean, a seoladh le bata beag air Abhinn ’L Assomption air son cridhealas dhaibh fein. Chaidh am bata thairis, agus bha iad uile air am bathadh ach aon fhear. Tha seann duine coir a fuireach aig Amherst, N. S., aig a bheil coig duine fichead cloinne. Tha’n duinne ’s sinne leth-cheud bliadhna sa coig a dh’aois, ’s an duine ’s oige tri miosan. Tha e na dhuine teoma, tapidh, a tha deanamh beolaind mhath le bhi ’reic innealan-ciuil. Chaidh Seumas Larkin e mhuinntir Eilean a Phriunnsa a mharbhadh leis a charbad-iarrinn aig Greenville, Maine, an la roimhe. Bha e fiachinn ri dhol air bord ’s an carbard air ghluasad. Thuit e fodh na cuibhlichean, agus chaidh a dha chois a ghearradh dheth. Bha e coig bliadhna fichead a dh’aois. Tha fiosan a Manitoba ag innse gu bheil am barr moran nas adhartiche na bha e mu’n am so an uiridh. Chas n-eil cion uisge a deanamh milleadh an cearna sam bith dhe’n duthich. Tha na duchannan iar-thuathach air fad air an t-slighe gu bhi air an aiteachadh gu h-iomlan am beagan bhliadhnachean. Tha corr us ceithir ceud mile acaire fearinn fodh bharr air an t-samhradh so air nach deachidh sgriob dhe’n chrann riamh roimhe. Tha teas anabarrach ann o chionn beagan laithean agus tha ’n talamh gu sgaineadh leis an tiormachd. Cha mhor gu robh uisge ceart ann air an t-samhradh so. Ged a bha frasan briagha ainn toiseach na seachdain s’a chaidh, tha ’m fiar ’s am barr a nis cho feumach air uisge sa bha e riamh. Mur dig e an uine ghoirid bidh a bhliadhna s’a tighinn nas fhaid’ air ais na bha bhliadhna chaidh seachad, ged a bha sin dona gu leor. Ach bidh sinn an dochas gun dig an t-uisge am beagan uine agus gum bi gach ni a tha fas air urachadh ’s air a neartachadh. Ged a tha ’n tiormachd cho mor ’s na aiteachan so, tha Manitoba ’san Iar-thuath a mealltinn side a tha gle fhabharrach do’n bharr. Tha ’n t-uisge ’san t-side bhlath a tighinn ma seach air chor ’s gu bheil coltas fior mhath air gach ni. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal. Aig aite ann an Quebec ris an abrar St. Joseph de Levis, ghabh fear Ioseph Morency gu dona air a bhean agus an sin loisg e oirre le daga ’s mharbh e i. Chuir e da pheileir troimh ’ceann. Cha n-ei ach mu shia seachdainean o’n phos iad, ’s cha robh ise ach sia bliadhna fichead a dh’aois. Thug esan e-fhein as agus bha daoine dhe’n bharail gu’n do bhath e e-fhein, ach fhuaireadh e an deigh sin ’ga fhalach fein ann am mulan feoir. Tha e nis air a dhunadh ’sa phriosan a feitheamh ri bhi air fheuchinn leis an lagh. Tha lan am aig na tuathanich a bhi sealltinn a mach air son daolagan a bhuntata. Bha na biastagan so gle lionmhor an uiridh agus rinn iad call mor an iomadh aite, ach ’s suarach na rinn iad an taca ris na ni iad air a bhliadhna so ma gheibh iad toiseachadh ceart mu’n cuirear bacadh orra. Chan eil iad coltach ri gaisidhean eile a bhios a tigh’nn air barr, bliadhna air ’s bliadhna eile dheth, ach aon uair ’s gum faigh iad greim air aite leanidh iad air o bhliadhna gu bliadhna, agus chan aithne dhuinn gun d’ fhuaireadh an aite sam bith innleachd air an sgrios cho buileach aon bhliadhna ’s nach do thog iad an ceann a rithist an ath bhliadhna: ’Se ’n aon rud a chuireas grabadh orra ’nan obair chronail Paris Green air a mheasgnachadh ann an uisge, ’s air a chrathadh air barr a bhuntata, Tha e na phuinnsean laidir ach le bhi faicilleach cha dean e cron sam bith air duine bhios ga chur gu feum, agus cha mho a ni e cron sam bith air a bhuntata fhein. ’S coir do gach neach aig a bheil buntata a fas a bhi air fhaicill, agus, cho luath sa nochdas na daolagam an cinn, cur as dhaibh air an doigh a’s fhearr a dh-fhaodas e. Gabhidh e saothir mhor agus moran uine gu so a dheanamh, ach tha ’m buntata na phor ro phriseil air son a leigeil seachad. [TD 2] [Vol. 2. No. 1. p. 2] GAOL GAIDHEALACH. SGEULA FIRINNEACH. Le Naill MacLeod, III. “’S iomadh car a dh’ fhaodas Tighinn air na fearaibh. Theagamh gu’n gabh iad gaol Air an te nach fhaigh iad.” Anns an earrainn mu dheireadh de ’n sgeula so dh’ fhag sinn Domhnull agus Seonaid anns a’ bhata, a’ togail a mach bho thir, air oidhche ghruamaich, le cuan borb agus iorguilleach air thoiseach orra. Bha sinn a’ guidhe soirbheis chiuin agus fhabhoraich a bhi cur leo a chum a’ chala gus am bu mhiann leo dol. Ach cha b’ ann mar sin a thachair; cha robh iad ach beagan mhilltean bho thir ’n uair a dh’ eirich gaoth laidir agus doinionn shearbh ’n an aghaidh. Bha iad a’ cathachadh gu treun ri neart na fairge car uine, Domhnull a’ cumail am misnich suas cho math ’s a dh’fhaodadh e, ach mu dheireadh b’ eiginn geilleadh, agus ruith leis a’ ghaoith, ge b’ e taobh a thogradh i an cur. Bha iad mar sin air an iomain air falbh le neart na fairge, na neoil ghruamach os an cionn, na tuinn na ’m meallan gaireach a’ beucail mu ’n cuairt dhoibh le buireadh fiadhaich. Bha ’n oidhche cho dorcha ’s gu’n do chaill iad an cursa, agus bha eagal orra gu ’m faodadh iad bualadh air na creagan agus a bhi air an call. Bha fios aca, ’thaobh an rathaid a bha ’ghaoth, gur e na Hearadh, no Leodhas, a cheud fhearann a bhuaileadh iad. Tha mi ’creidsinn nach robh inntinn Dhomhnuill agus Seonaid gle fhoiseil an oidhche sin; bha dochas agus eagal a cathachadh an agaidh a cheile ’n am broilleach. Cha robh eagal air bith air Domhnull, ach a thaobh Seonaid, bha fios aige gur ann le gaol gun cheilg dha fein a dh’ fhag i a dachaidh bhlath agus phailt, a cairdean agus a luchd-eolais, a’ tilgeadh a chrannchuir maille ris-san, anns gach cruaidh-chas a dh’fhaodadh tighinn ’n an aghaidh; agus dhearbh a’ cheud oidhche nach robh iad gu bhi ainmig no faoin. Bha brathair athar Seonaid ’n a Bhaillidh anns na Hearadh agus ’n uair a dh’eirich muinntir an taighe aige ’s a’ mhadainn an deigh na h-oidhche air am bheil sinn a’ bruidhinn, chunnaic iad bata beag ann an coltas eiginn a’ teannadh ri tir. Ruith am Baillidh agus cuid eile dhe ’n teaghlach aige thun ’a chladaich, agus ciod bu mho ’chuir a dh’ ioghnadh air a’ Bhaillidh na Seonaid nighean a bhrathar fein ’fhaicinn anns a’ bhata. Bha fios math aige gu’n robh Domhnull agus Seonaid suas r’a cheile, agus thuig e air ball mar a bha ’chuis, gur e teicheadh a rinn iad. Chaidh neart thar cheart; cha robh ann ach a toirt bho Dhomhnull agus a glasadh ann an daingneach laidir dhe’n tigh, gus am faigheadh e cothrom air fios a chur gu ’h-athair mar a thachair. Chunnaic Domhnull nach robh math dha toiseachadh le laimh laidir aig an am sin, agus cha robh aige ach, ’n uair a thainig beagan ciuine, air an latha sin fein, aghaidh a chur air Eilean-a’-cheo, gun bhean gun leannan. Ach fhuair e ’ghob a chur ann an cluais Seonaid mu’n do dhealaich iad agus a radh rithe misneach mhath a bhi aice, nach rachadh a’ ghrian fodha da uair gus am faiceadh i ’rithist e. Cha robh aig Seonaid ach a bhi ag amharc an deigh birlinn Dhomhnuill agus ’a seinn.— “Ma chaidh thu timchioll air an rudha, Bidh mi dubhach as do dheigh, Gus an cluinn mi thu bhi ’tighinn Gu robh gach slighe dhuit reidh.” B’ioghnadh leo an ath mhadainn ann an tigh athar Seonaid, cho fad ’s a bha i gun eirigh, agus chaidh a mathair a dh’fhaicinn ciod a bha cearr, ach cha robh air thoiseach oirre ach leabaidh agus seomar falamh: Seonaid cha robh ann. Chaidh fios do gach tigh agus baile, gu’n robh Seonaid air chall. Bha neach eiginn a bha mach anmoch a thuirt riutha, gu’m fac e bata ’fagail a’ chladaich eadar uair agus da uair ’s a’ mhadainn, Thug sinn iad gu chomh-dhunadh gur e teicheadh a rinn Seonaid, ach bha fios aca air cho fiadhaich ’s a bha ’n oidhche, agus an rathad a bha ’ghaoth, nach b’urrainn daibh an t-Eilean-Sgiathanach a dheanamh dheth. Dh’fhalbh daoine ’s eich air gach rathad, dh’fhalbh a brathair le each agus rinn e air Caolas-na-Hearadh, a’ feoraich dhe gach neach a bha ’tachairt ris, am fac iad an leithid de sgioba ’tighinn an rathad. Fhuair e fios mu dheireadh gu’n robh Seonaid gu seasgair, blath, ann an tigh bhrathar-athar. An uair a rainig e, cha b’ i an fhailte chairdeil a chuir e oirre. Thill e dhachaidh ann an cabhaig a dh’innseadh dha ’n teaghlaich gu’n robh i beo. Bha e dol a thilleadh an ath latha g’ a h-iarraidh, agus e ann an lan bheachd gu’n robh teicheadh Seonaid aig a cheann, agus gu’n d’ fhuair i am paileas deth. Ged a chaidh Domhnull dhachaidh cha b’ ann gu cadal air a’ chuis; an rud a chuireas am fior Ghaidheal roimhe, cha’n ’eil e soirbh a chur as a cheann. Agus tha da ni anns nach robh Gaidheal math riamh air dheireadh, s e sin, gaol agus gaisgeadh; agus ’s tric a bha an dara h-aon dhiubh ag arach an aoin eile. Ach ged a tha gaol ’na ghaol, ’s iomadh dragh ’us tuasaid a rinn e anns an t-saoghal, agus fhuair Domhnull agus Seonaid an cuid fein dheth. Ach dh’fhaodadh iad a radh mu a cheile le firinh, mar a thuirt Mac-Mhaighstir-Alasdair mu’n Phrionnsa— “Ged spionadh sibh an cridh’ asainn, ’S ar broillichean a sios a shracadh. A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1883. [TD 3] [Vol. 2. No. 1. p. 3] Cha toir sibh usainn Tearlach Gu brath gus an teid ar tachdadh.” An oidhche sin fein fhuair Domhull iasad de bhata mor, comasach, agus chruinnich e deich-ar-fhichead de ghilleen oga cho sgairted ’s a bha eadar da cheann an Eilein. Thog iad na siuil ris an iubhraich gu h-aighearach, agus mhionnaich iad nach tilleadh duine beo dhiubh, agus nach fagadh iad clach gu’n tionndadh eadar am Buta-Leodhasach agus ceann Bharraidh, gus am faigheadh iad Seonaid. (Ri Leantuinn) Turus a Mharaiche. Nuair sgaoileadh a naidheachd, ghreas Sgrioban-an-oir null agus thubhairt e ri “Talamh Dearg:” Ciod so tha mi cluinntinn umad? Saoil thu gu’n dean thu tuilleadh airgiod ann an tir choimhich? Oir gu cinnteach ni saoibhreas sgiathan dha fein: Fhreagair Talamh Dearg. “Tha mi sireadh saoibhreas maireannach agus fireantachd.” ’S fearr’ eun san laimh na dithis ’sa choill arsa Sgrioban-an-oir—’s e gliongan aich an airigiod ’na phocaid. Ach tha Babilon gu bhi air a sgrios, fhreagair “Talamm Dearg” mairidh m’ amsa agus t-amsa mo nabuidh “Talamh Dearg” ach se uine airigiod, uime sin beannachd leat. Ruith e tarsuinn an t-sraid chum failte chuir air bean a chridhe chruaidh a thainig chum malairt ris. Dhinnis Sgrioban an oir dhi mu thiomchioll Talamh Dearg. Fhreagair ise, “Chreid mi riabh nach robh ann ach leith-chiallach; nis tha mi cinteach as.” Aig beul na h-oidhche dh-feuch Talamh Dearg rithisd ri impidh chuir air cuid eile Babilon fhagail. Nuair a thagair e ri chairdean a reir na feola, thoisich iad uile a dh’aon ghuth air an leithsgeul a ghabhail. Be ’n aon duine a dh-eisd ris gu toileach gille og da m’ ainn Dearsadh a choinnich ris a tighinn a mach a buth fear na’n cungaidhean. Nuair chuala Dearsadh iomradh air aiseag saor do thir eile, chuimhnich e air fear creideis araidh a thubhairt ris gu tric. “Paidh dhomh sin a th’ agam ort” agus do bhrigh nach robh aig ni leis an dioladh e, thug e cluais da briathran Talam Dearg. Ach cha ghealladh eadhon Dearsadh leantuinn ach as deigh beagan laithean mar so thachair ach a mhain a bhean ’sa clhann gu’m b-fheudar dha Talamh Dearg dol a mach na aonar a giulan a mhaslaidh-san. *Do’n leughadair, ’san Eabhra se ’s brigh dha Adhamh “Talamh Dearg. Tha Uilliam Caimbeal, Seaforth, Ont., a sgriobhadh; “Badh cuimhne mhath agam air an la a fhuair mi ur leigheas fiachail. ’S e ’n aon leigheas a rin n feum dhomh riabh. Reic mi K. D. C. rin feadhinn eile a tha ’g radh gun do leighis e iad. Litir Chabair-Feidh. Cha ’n eil moran naigheachdan agam ri thoirt dhuibh air an t-seachduinn so oir tha na coinneamhan Gaidhealach an ire mhath seachad airson na bliadhna agus tha na h-uile Gaidheal aig am beil an cothrom a toirt sgriob do thir an fhraoich a dh’fhaicinn nan seann chairdean, agus a dh’fhaotainn urachadh agus neartachadh bodhaig, ni air am beil mor fheum aig neach sam bith a tha gabhail comhnaidh anns a bhaile mhor so. Tha mi gle thoilichte litir fhaicinn bho “Mac Dhan” anns an aireamh mu dheireadh a fhuair mi agus tha mi ’n dochas gu ’n gabh na Gaidheil anns gach cearn an eiseamplair mhath a thug e dhaibh, air doigh ’s gu’m bi urrad a litrichean a tighinn thugaibh bho gach taobh ’s nach bi duilgheadas sam bith agaibh ann a bhi lionadh gach taobh-duilleag de MHAC-TALLA le naigheachdan Gaidhealach, eadhon an deigh dhuibh a mheudachadh mar a tha sibh a gealltuinn. Ach c’arson nach d’ innis “Mac Dhan” dhuinn tuilleadh mu dheighinn gnothaichean Gaidhealach ann an Louisburg? Bhitheamaid toilichte chluinntinn de ’n aireamh de luchd-bruidhinn-Gaidhlig a th’anns a bhaile sin, agus de na doighean a tha iad a cleachdadh gu bhi cumail suas an cainnt. Bheireadh naigheachdan de’n t-seorsa sin misneachd dhaibhsan a tha deanamh an dichioll air a bhi cumail suas cainnt agus cliu an sinnsear, agus chitheadh an saoghal nach eil sinn idir cho faisg air a bhas ’s a tha moran a feuchainn ri dheanamh mach. Bheireadh e mor-thoileachas dhomh nam bitheadh na facaill so na’m meadhon air a thoirt air cuid de’r leughaidearain an laimh a chuir ris a pheann. Cha’n eil fhios againn de ’s urrainn duinn a dheanamh gus am feuch sinn. CABAR FEIDH. Lunnainn, 10-6-93. Gle Neonach. Bha dithis thuathanach ann air am araidh aig nach robh ach each an t-aon, agus bha e na chleachdadh aca bhi deanamh an cuid treabhaidh am pairt, bhiodh iad an diugh, mar gu’m b’eadh, a treabhadh fearann aon fhear, agus am maireach fearann an fhir eile. Latha dhe na laithean thug fear de na tuathanich, fanear nach robh an t-each aige fein faisg cho coltach no cho reamhar ri each an fhir eile. Chuir so uiread iongatais air ’s nach b’urrinn dha gun fheorach, “Co air a tha thu biathadh t-each a Dhomhnuill ’nuair a tha e ann an coltas cho math seach m’ each-sa?” “Tha mis” arsa Domhnull, “a biathadh m’ each a h-uile geamhradh air arbhar air dhroch bhualadh.” “Ma ta,” ars am fear a chuir a cheist, “tha mise biathadh m’ each air arbhar air a bhualadh cho math as ghabhas e, agus ged a tha, tha e na’s caoile na t-each-sa. ’S e rud a’s neoniche chunna mi ramh!” Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 4] [Vol. 2. No. 1. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’S e Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 1, 1893. Tha Deorsa, Diuc York, an aona mhac a tha beo aig Priunnsa Wales, gu bhi posda toiseach a mhiosa so, ri Ban-phriunnsa Mairi, a Teck, a cheart te a bha a bhrathir, Albert Victor, a dol a phosadh mur biodh gun dug am bas air falbh e. Chuir bean ard-riaghladair Chanada fios gu mnathan na h-ard fhlaitheachd air fad ag iarridh orra airgiod a chuir cruinn gus gibht bainnse a cheannach do’n bhan-phriunnsa. Cha n-eil baile mor no beag an Canada nach eil na mnathan an deigh suim a dheanamh suas air son an aobhir sin agus ’nuair a theid an cur uile cruinn, ni e sporan math airgid. Chuir baile Halifacs leis fhein tri cheud gu leth dolair ann. Cha n-eil fhios fhathast de ’ghibht a bhios ann, ach tha fhios gum bi e na ni cho taitneach ’sa ghabhas faotinn, agus gum bi e lan fhreagarrach air a bhi ’nochdadh a’ mheas a tha aig muinntir Chanada air fad air a bhan-phruinnsa, a dh’fhaodas, an ceann bheagan bhliadhnichean, a bhi na suidhe anns a chathir rioghail. Chan eil an trioblaid a bha eadar Newfoundland ’s na Frangich thairis fhathast. Chan eil tuaireap sam bith a bristeadh mach an drasda; ach tha cuisean cho feumach air an reiteachadh ’sa bha iad riamh. Tha Sir Uilleam Whiteway Priomhair an eilean a dol a null do Bhreatuinn air an t-samhradh so a dh’fheuchinn an urrinn dha toirt air an luchd-riaghlidh cordadh eigin a dheanamh ris na Frangich a bheir riarachadh do’n da phairtidh. ’Se sin ni nach bi ro fhurasda dheanamh mur ceannich Breatuinn na Franaich a mach a Newfoundland gu buileach, le pios fearinn a thoirt dhaibh an cearn eile dhe’n t-saoghal. Tha de dh’fhearann aig Breatuinn an Africa ’s an Asia, ’s an eileanan a chuain ’s nach fhairicheadh i bhuaipe na thoilicheadh na Frangich, cho gionach ’s ga bheil iad. Agus dh-fhaodadh i sin a thoirt dhaibh a maireach, aite anns nach eil iasgair no tuathanach no fear eile gus a ghuth a thogail na h-aghidh. Chan eil teagamh nach e sin a chi i iomchuidh a dheanamh, agus mar sin bidh i aig sith ris na Frangich, agus i aig a cheart am a gleidheadh sith na tigh fein. Tha am MAC-TALLA a nis air toiseachadh air bliadhna ur. Tha e dha uiread ’sa bha e roimhe, ’s a dha uiread leubhidh ann. Tha sinn an dochas gun cord e ri ar luchd-leubhidh a dha fheabhas ’sa bha e ’cordadh riu roimhe, agus gum bi iad lan dheonach air a phris a tha sinn ag iarridh air a phaigheadh. Tha gu leor de Ghaidhil san duthich so gus paipear Gailig a chumail suas, agus ma chuirreas iad sin failte chridheil air a MHAC-TALLA, ’s gun gabh iad ris gu caoimhneil, ’s gum boidich iad a chumail suas, ni sinne ar cuid fein le bhi feuchinn ri dheanamh cho math ’s bu choltach dha a bhith, lan de naigheechdan an t-saoghil, s dhe gach leubhadh eile ’bhios taitneach le ’r luchd-leubhidh. Tha sinn an dochas mar an ceudna nach fhada gus am bi am paipear air a chur an uidheann nas fearr, le clo ur, us paipear math, laidir, agus theag amh mu’n teid an samhradh seachad gum bi e ’nar comas ur am paipear mheudachadh an darra h-uair. Tha so aginn ’sam amharc agus tha sinn ag earbsa as na fior Ghaidhil air son cuideachadh. Tha sinn lan chinnteach nach leig iad leis an earbsa sin tuiteam gu lar. Ann am paipear-naigheachd a thanig thuginn air an t-seachdain so tha sinn a leubhadh nam briathran a leanas mu chor na Spaine. So mar ’tha e ’g radh:—“Nach i ’n duthich an Spain far am bheil na fir-lagha uile a diultadh car no cuirean oibreach a dheanamh! Am bheil ni air an talamh no anns na h-uisgeachan a tha fodh ’n talamh no ’n aite sam bith eile a bheireadh air fir-lagha Chanada an mi ceudna ’dheanamh? Na’n sguireadh iad de dh’obair am maireach ’s gu’m fanadh iad nan tamh fad linn no dha, bhitheamid nar sluagh cho sona ’s cho fortanach ’sa tha beo.” Leighsidh Minard’s Liniment losgidhean. C. B. TRAVIS, SYDNE,Y C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan $0.05 Aodach Dheiseachan .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00 1.00 Aodach triubhis .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 5] [Vol. 2. No. 1. p. 5] Call na “Victoria.” Air Dior-daoin, an darra latha fichead dhe’n mhios sa dh’fhalbh, rinneadh call cho mor ’s cho uamhasach ’sa rinneadh riamh air cuan. Chaidh a’ Victoria, aon de na soithichean-cogidh bu bhriagha ’sa b’fhiachaile bha’n cabhlach Bhreatinn, a chur do ghrunnd a chuin faisg air Syira, le corr us ceithir cheud duine dhe na bha air bord. Bha cabhlach de shoithichean-cogidh Breatunnach a tighinn a stigh gu baile Tripoli ann an Siria. Bha iad a deanamh direach air an acarsaid, a’ Victoria san teis-meadhon, an Camperdown air an laimh chli, ’s an Edinburg air an laimh dheis. Nuair a bha iad mu choig mile bho tir thug an t-admiral ordugh dhaibh tionndadh mu’n cuairt agus a dhol nan sreathan an deigh a cheile, da long anns gach sreath. Bha mar so aig a’ Victoria ’s aig a’ Champerdown ri dhol beagan air thoiseach air cach agus tionndadh mu’n cuairt. Bha iad cho dluth dha cheile ’s nach do chreid ceannard na Camperdown gur e tionndadh a bha air iarridh orra, oir tha e gle dhuilich a dheanamh nuair a tha na longan faisg air a cheile, agus gle chunnartach. Thoisich an Victoria co-dhiu air cur mu’n cuairt air ball, agus nuair a chunnic an Camperdown sin thoisich i-fhein, ach anns an tionndadh bhual a sron le neart gabhidh ann an cliathich na Victoria far ’m bu laige an comhdach-crnadhich, agus rinn i toll mor oirre far ’n do thoisich an t-uisge air dortadh a stigh. Tharruing an da shoitheach o cheile cho luath ’sa ghabhadh sin deanamh. Bha na soithichean eile direach air an cul agus mur biodh tapachd nan ceannardan bha na soithichean uile air a bhi ’n sas na cheile. Tha e coltach nach do thuig aon sam bith gu robh an Victoria air a milleadh cho dona sa bha i. Bha na batichean a falbh o na soithichean eile gus na daoine ’shabhaladh, ach chuir an ceannard fios da’n ionnsidh mach robh feum orra. Chaidh smuid a chuir rithe gus a toirt tir na’m b’urrinn daibh; tha e na riaghilt an luingeas-chogidh Bhreatuinn, nuair a theid long a mhilleadh ’si faisg air tir, gu’m bi a h-aghidh air a chur ri tir air ball, gus ma theid i fodha gu’m bi e nas fhasa a togail a rithist. Lean a Victoria air ruith fad dheich mionaidean, agus fhuair i mu dha mhile na b’fhaisge air tir, ach an uair sin, mar gum b’ann am priobadh na sula, chaidh a toiseach fodh n uisge agus thoisich i air a dhol sios. Thachir so cho grad ’s gu robh moran dhe na daoine air an dunadh gu h-iosal agus air am bathadh an sin. Bha chuid bu mho dhe na bha air clar-uachdar na luinge air an tilgeadh don uisge. Lean na h-innealan a bha cur na luinge air falbh, air obair, agus bha na propellers aig deireadh na luinge a dol mu’n cuairt le luaths an dealanich, agus nuair a bha iad aig uachdar an uisge bha iad a ’ga tharruing sios leotha maille ris na daoine truagha a bha fiachinu ri iad fein a shabhaladh. Bha na cuibhlean mar so a dol mun cuairt agus bha gach aon a thigeodh nan coir na bhloighdean. Bha casan us lamhan nan daoine bochda air an tilgeadh fad as cionn an uisge, agus iad air an dath dearg le fuil. Fa-dheoidh bha an luing air fad air a slulgeadh sios gu buileach agus sguir an obair bhasmhor so agus thugadh air falbh an sealladh graineil a bha cur gaoir am feoil na h-uile bha ’g amharc air. Ach iadsan nach robh aona chuid air am bathadh, no air am marbhadh leis na cuibhlean-putidh, bha aca ri dhol troimh chunnart eile cho uamhasach ri aon dhiubh. An deigh dha’n luing a dhol fodha, bhruchd an t-uisge stigh air na teintean, agus spraidh na h-innealan le fuainn tairneanich, agus sput an t-uisge goileach ’san smuid a mach as a chuan agus fhuair iad-san a bha fhathast beo iad fein a snamh ann an uisge sgalldach. Cho luath sa chunnacas air bord nan soithichean eile gu robh a’ Victoria dol fodha, bha na batichean uile air an cur a mach, ach leis mar a bha i tarruing an uisge leatha, cha b’urrinn daibh a dhol faisg oirre; ach bha iad a deanamh na dh-fhaodadh iad gus na thigeadh nan rathad a thearnadh. ’Si bharail choitchionn gu’n d’ fhuair corr us leth na chaidh a bhathadh as an luing, ach bha iad aona chuid air an tarruing don chuinneag-thuatheal a rinn i dol fodha ’s air am marbhadh leis na cuibhlean no air an sgalldadh gu bas. Eadar oifigich us daoine bha seachd ceud sa h-ochd deug air bord, agus dhiubh sin chaidh mu cheithir ceud gu leth a dhith. Chan eil cunntas air call cho mor, air doigh cho uamhasach a thachirt do long chogidh Bhreatunnach riamh roimhe. Gu ma fada mu’n tig a leithid a rithist! Chaidh bathadh muladach a dheanamh aig Canoe Cove, an Eilean a Phriunnsa, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh nighean bheag le Iain Mac Rath, aois thri bliadhna, dh’ionnsidh an fhuarain far an robh am baine ga chumail a cur an uachdir dheth, agus air dhith a bhi fiachinn ri ruigheachd air an uachdar thuit i an comhair a cinn d’an uisge. Nuair a fhuaireadh i an ceann beagan mhionaidean bha i marbh. Chaidh gach ni a ghabhadh deanamh fhiachinn rithe, ach cha robh e gu feum sam bith. Faisg air Hamilton, Ontario, an la roimhe bha ’n carbad-iarrinn a teannadh air Drochid Humber nuair a thanig duine na ruith dh-ionnsidh an rathaid. Nuair a bha ’n carbad gu bhi aige loisg e air fhein ’s an sin thilg e-fein air an rathad. Chaidh an carbad thairis air ’s bha a cheann air a ghearradh dheth. Cha d’ aithnicheadh an duine idir ’s cha n-eil fhios cia as a bha e. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGA no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 6] [Vol. 2. No. 1. p. 6] MAC-TALLA. Litir Bheag A Boston. A Charaid,—Tha mo dheadh bhana-charaide, bean Sheumais Dhomhnullich, maille rium fein, a cur moran bheannachd gu MAC-TALLA air son a chuid Gailig. Cha mhor nach do chaill ise cainnt a mathar gu tur bho’n a thanig i gu Boston, ach tha i nise ’ga h-urachadh gu math. Tha mi fein a deanamh mo dhichioll ris an t-seana chainnt, ach tha cion a bhi ’ga labhirt a deanamh milleadh mor orm. Ach chan eil mi fhathast cho fad air ais ri muinntir eile air a bheil mi eolach. Bha mi air cheilidh air fear an oiche roimhe, agus air dhomh a bhi ’g innse dha mu thigh a bha sinn a cur air doigh an taobh stigh le fiodh cruaidh, ’s ann a dh’fheorich e a dhioin am be sin hard pine. Sin an doigh air a bheil cuid a call an cuid Gailig ged nach eil iad idir a faighinn a chuid a’s fhearr dhe’n Bheurla. Bha sibh a feorach o chionn ghoirid am biodh an luchd leubhidh deonach dolar a phaigheadh air a phaipear nan rachadh a dheanamh a dha uiread ’sa tha e. Tha mise aon fhear a tha lan dheonach air sin a dheanamh latha sam bith. Gu ma fada beo am MAC-TALLA! Is mise bhur caraid, TEARLACH. “Seadh, a Sheonaid” ars aon de na h-eildearan ’se air tachirt air seana bhean air an t-sraid, “na thaghil am ministeir ur ort fhathast.” “Thaghil,” arsa Seonaid. “Agus cia mar a chord e ribh?” ars an t-eildear. “Meadhonach, gle mheadhonach; chan urrinn dhomh moladh mor sam bith a dheanamh air.” “Agus car son nach urrinn?” “Tha air son so, ma ta, riamh o’n thanig e, tha e ’g urnigh air son an t-side dhol na’s fhearr, agus an aite ’n t-side bhi dol na’s fhearr ’s ann a tha e sior dhol na’s miosa.” Bha duine coir ann an Alba uair a chaill a bhean agus te dhe’n chrodh aig an aon am. Bha na nabuidhean a deanamh na dh-fhaodadh iad gu co-fhurtachd a thoirt da thaobh bas a mhna, agus bha dithis no triuir nam measg a thuirt ris gu robh e furasda gu leor do dhuine measail, beairteach, mar-a bha esan bean eile fhaotinn gun a dhol ro fhada ’ga h-iarridh. “O, gu dearbh,” ars esan mu dheireadh, ’s e air fas sgith dhuibh tha mi faicinn gu bheil sibh uile gle dheonach air bean a thoirt dhomh ach chan eil duine agaibh a’ tairgse mart dhomh an aite na te a chaill mi.” Tha e coltach gu bheil Canada gu bhi ainmeil air son a cuid caise. Aig feill an t-saoghil bha ceud us coig deug thar fhichead duais air a thoirt seachad air son caise agus bha iad so uile ach naoidh air an toirt do chaise Chanada. Leighsidh Minard’s Liniment cannabhrist. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can. Tha comunn urrais beatha ann am Paris nach cuir airgiod-urrais air beatha duine sam bith a bhios a dath fhalt. Leighsidh Dr Fowlers Extract of Wild Strawberry, cholera, cholera morbus, gearrach agus a h-uile euslaint eile dhe’n ghne sin. A phris 35 cent. Tha e air a radh gun cum aona phunnd de dh’arc duine air chudthrom cuimseach gun a dhol fodha san uisge. Faodidh so a bhi fior gu leor, ach theid latha ’s bliadhna seachad mu’n teid sinn fein ’ga dhearbhadh. Tha MRS. ALVA YOUNG, Waterford, Ont., a sgriobhadh, “Bha mo leanamh gle thinn leis an tinneas shamhridh, agus cha d’ rinn ni feum dha gus na dh’ fheuch Dr. Fowlers Extract of Wild Strawberry, a leighis e gun dail. ’Se leigheas cho math ’sa dh’fheach mi riamh. Ann an Turkestan, nuair a tha duine air son a bhi air a dhealachadh o bhean chan eil aige ri dheanamh ach, a cheud uair a dh’iarras i cead a dhol a mach, a radh rithe, “falbh,” gun iarridh oirre idir tighinn air ais a rithist. Ma leigeas e mach i uair sam bith gun iarridh oirre tilleadh, tha e mar fhiachibh oirre-se fuireach air falbh fhads is beo i. Tha Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. Bi cuibhteas do dhroch stamag mu’n tig an cholera, Leigsidh K. D. C. am miar a’s miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botuil. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 7] [Vol. 2. No. 1. p. 7] Mo Dhachaidh. [Tha an t-oran so air a thoirt as a phaipear ghasda ris an abrar The Celtic Monthly. The sinn ’ga chlo-bhualadh air iarrtas caraide a tha ’g radh mur a bardachd so nach fhac’ esan bardachd riamh.] AN T SEISD:— Seinn hiribh O, hiuraibh O, hugaibh O hi, So agaibh an obair bheir togail fo m’ chridh’— Bi stiureadh mo chasan do m’ dhachaidh bhig fhin, Air criochnachadh saothair an la dhomh. Rachadh treun-fhir an cein an deigh sonais ’us gloir; ’Us poitearan gorach ’nan toir do’n tigh osd; Biodh spiocairean crionda ’gan iarraidh ’san or. Gheibh mise lan-sholas nam fhardaich. Seall thall thar an aisig am fasgadh nan craobh. Am bothan beag glan ud, ’se gealaicht’ le aol— Siod agaibh mo dhachaidh—’si dachaidh mo ghaoil, Gun chaisteal ’s an t-saoghal a’s fearr leam. Tha maise an aite ag ardach’ a luaich; Tha sobhragan ’s neoineanan ’comhdach nam bruach; Tha toman ’ga dhionadh o shion an taobh-tuaith, ’S mu’n cuairt air tha cluanagan aillidh, Tha nadur ’san ait’ ud a ghnath ’cur ri ceol; Mur e smeorach ’san duilleach, ’se uiseag ’sna neoil; No caochan an fhuarain ag gluasad troimh ’n lon, No Morag ri cronan do’n phaisde. O, mo dhurachd ’s mo bheannachd dhuit, bheanag na loinn. Tha fritheal mu m’ fhardaich ’s ag arach mo chloinn; Do chridhe ’s do nadur gun ardan gun fhoill, Ach caoimhneas a’ boillsgeadh ’nad bhlath-shuil Air claradh do’n fheasgar ’s mi seasgair fo dhion, Mu ’n cuairt air a’ chagailt bidh aighear gun dith; Na paisdean ri abhachd ’s am mathair ri sniomh, ’S mo cridh-s’ air a lionadh le gradh dhaibh. Air falbh uam a’ mhor chuis an t-or agus cliu; Cha’n ’eil annta ach faoineas ’us saoibh-ghloir nach fhiu; Cha ’n fhagainn mo dhachaidh ’s bean chagair mo ruin; Gu bhi sealbhachadh luchairt le banrigh’nn. Sean Fhacail. Is stuama duine ri ’chuid. Is suarach an cairdeas a dh’fheumas a shior-cheannach. Is tearc each a dhiultas a mhuing. Is tearc teanga mhin gun ghath air a cul. Is tiughaid’ am brad a dhubladh. Is fhearr eirigh moch na suidhe anmoch. Is fhearr fuachd caraide na blaths namhaid. Is fhearr ’fhiachainn na ’bhi ’san duil. Is fearr lan an duirn de cheaird na lan an duirn de dh-or. Is fhearr leisgeul salach na bhi gun leisgeul idir. Duine gun rath gun seol, ’s coir a chrochadh; ’s fear aig am bi tuille ’sa choir, ’s coir a chrochadh. ’Dheanadh e rud-eigin do dh-aon duine, ach is beag a’ chuid dithis e’, mar a thuirt Alasdair Mor mu’n t-saoghal. Dheanadh e teadhair de’n roinneig. Cu an da fheidh, is minig a bha fhiadh air chall. Clachag ’nam bhroig, deargan ’nam mhuilchinn, cailean ’nan fhiacail, ’s mo leannan ’g am fhagail. Chan e gogadh nan ceann a ni an an t-iomradh. Chan e ’n latha math nach tigeadh, ach an duine dona nach fanadh. Chan e na chosnar a ni saibhir ach na chaomhnar. Chan e ’n tochradh mor a ni ’n tiomnadh beairteach. Chan eil air an duine gun naire ach duine gun naire ’thachairt ris. Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. MRS. A. LIVINGSTONE. Lot 5, P. E. I. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh le MINARD’S LINIMENT. IAIN MADDER. Mahone Bay. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois le MINARD’S LINIMENT. JOSUA WYNACHT. A charaid, ’nuair a leubhas tu am paipear so, cuimhnich gu bheil thu ’ga ghabhail a nis o chionn corr us bliadhna agus nach do phaigh thu air a shon fhathast, agus cho luath ’sa smaoinicheas tu air sin cuir do lamh ’nad sporan agus cuir an t-airgiod thuginn gun dail. Faodidh tu ’bhi cinnteach nach eil am paipear so ’ga chur a mach fad bliadhna gun moran airgid a chosg, agus o’n tha thusa ’ga ghabhail ’s coir dhuit a phaigheadh. Dean sin ma ta, agus bidh sinn fada fada ’nad chomain. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 8] [Vol. 2. No. 1. p. 8] MAC-TALLA. Guth bho’n Chamus. Tha ’n t-side anabarrach tioram agus rud-eigin fuar o cheann da sheachduin. Tha curam mor air na tuathanich gu lean an turadh agus gu’m bi am barr air a mhilleadh mar a bha e ’n uiridh. Cha deach a bheag de dh’iasg a ghlacadh air a’ chladach aginn air an t-samhradh so. Tha iasg ann an deagh phris agus tha dochas aginn gu’m faigh na daoine ’tha call na h-uine mu thimichioll beagan deth co-dhiu. Tha duil mhor aginn ris an rathad-iarruinn a thighinn ni ’s faisg’ oirnn. Tha cuisean a’ coimhead gle choltach cho fad so, ach tha e gle luath barail a thoirt aig an am so, oir “’S ioma atharrachadh a thig air an oidhche fhad fhoghair.” Tha “Caorstaidh” a smaointeachadh nach ’eil cearna sam bith dhe’n duthich air a sgeadachaidh cho briagha le Nadur aig an am so ri beannan ’us gleannan Mhargaree. Tha e gle nadurra dh’ise ’bhi de ’n bheachd sin; ach tha fios agam na’n tigeadh i nall do’n Chamus agus a sul a thogail suas ri Beinn-na-Guiseadaidh gu faiceadh i sealladh a bhiodh ro thlachdmhor leatha agus a chuireadh na cuimhne mar a thuirt Mac Mhaighstir Alasdair:— “A choill gu h-uile fo lan-duilleach, ’S i na culaidh-bainnse.” “Lusan cubhraidh mach a’ bruchdaidh, ’S cuid dhuibh cul-ghorm bainn.dearg.” “’S ceolar, eibhinn, barr gach geige, ’S an eoin fhein a damhs’ orr’.” SEONAID. Iun 28 la, 1893. Feasgar Di-sathairne ’sa chaidh, bha duin’ og a mhuinntir Loch Ainslie, Iain L. Mac Fhionghain, air a mharbhadh aig Bathurst, New Brunswich. Bha e mach ann an carbad le paidhir each: ghabh iad eagal romh ni eigin agus theich iad air. Thuit e mach agus bha e air a leonadh cho dona ’s gun do dh’ eug e feasgar Di-luain. Cho luath sa chaidh a ghoirteachadh, chuireadh fios gu chairdean, agus chaidh a bhrathir suas Di-luain, ach mu’n d’ ranig e bha e marbh. Thugadh a chorp dhachidh gu bhi air adhlacadh. Cha robh e ach na dhuine gle og. Bha e fad geamhridh a dol do’n sgoil ’sa bhaile so agus bha ’n sgribhadair gle eolach air fad na h-uine sin, agus faodidh e ’radh nach robh aon a bha eolach air nach robh fior mheasoil air, agus nach toireadh cliu dha air son cho faicilleach ’s cho curamach ’sa bha e na ghluasad. Chan eil aon de luchd-eolis nach bi ro dhuilich a chluinntinn mu ’bhas. Leighridh Minard’s Liniment Deideadh. A Fhleasgaich a Eilein an Fheoir. LUINNEAG. A fhleasgaich a Eilein an fheoir Do chomhradh a fhuair mi, Gheall thu fhad ’s a bhiodh tu beo Gum biodh do storas buan dhomh. Innseam, cuim nach innsinn duibh, An ni mu’n dug e fuath dhomh; Oidhche ’bha sinn ’sa bhal dannsa Mheall an gille ruadh mi. Mheall thu mi le sugradh bath, Char thu mi le d’ dhuanais. Do chomhradh ciuin air chulaobh chaich ’Ghraidh na bi ga luaidh rium. Suil mheallach ghorm aig mo ghaol ’S mala chaol gun ghruaman; Bu tu beul meacharach nam pog. ’S gum b’eolach air ’n toirt bhuam thu. Gur math thig sud air mo ghaol Fasan nan daoin’ uaisle, Briog is ghrinn de’n chorderoi, ’S facings oir mu’n cuairt d’i. Nuair a theid am feileadh beag ort, Breacanis crios guaille, ’S mi gun siubhleadh leat a dh’ol Do sheombar nan daoin’ uaisle. Gur a mise ’tha gu galach ’S tha tamull o ’n uair sin; Chuala mi gun dug thu gealladh ’Bhanarich na buaille. Far och nan och mar tha mi ’n nochd, ’S trom m’ osnaich ’s mi fo sumairein, ’S mi gun fhios agam de’m fath Mu bheil mo ghradh an gruaim rium. ’S bidh tu siubhal air gach bal, A manran ris gach guragaich; Mise ’g altromas do phaisd’ ’S mo chairdean ann an gruaim rium. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. D. MAC ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear a aite sam bith. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin. [TD 9] [Vol. 2. No. 2. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 8, 1893. No. 2. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUTH, C. B. H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mc Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHD ANASEACHDAINN. Chaidh nighean bheag le Mr Iain Johnston an Ont., aois da bhliadhna, a bhathadh an la roimhe ann an [?]man bainne. Chaill Iain Mac [?]ealain, an Grand Mira, a thigh-comhn[?]n air an t-seachdain s’a chaidh le teine. Chaidh sradag as an t-simileir air mullach an taighe, agus mu’n dugadh e fa near bha e air greimeachadh air dhoigh ’s nach gabhadh e cur as. Chaidh na bha de dh’airneis ’san tigh a shabhaladh. Chaidh Dr. Iain H. Mac ’Ille-Mhaoil, dotair og a mhuinntir Phictou, gu St. John, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh dha bhi sa bhaile sin fad dha no tri laithean, fhuaireadh e aon mhadinn-marbh na leoidh. Thugadh a chorp dhachidh gu Pictou, agus bha e air adhlacadh Di-luain s’a chaidh. Cha robh e ach mu choig bliadhna fichead a dh-aois. Tha fiar cho gann air tir-mor na Roinn-Eorpa ’s gu bheil iad ’ga thoirt a null a Canada, ’s tha e reic cho ard ri ceithir dolair dheug thar fhichead an tunna. Ann an Lunninn tha tunna feoir ’ga reic dolar nas daoire na tunna dhe’n fhlur-cruithneachd a’s fhearr a tha ’sa mhargadh. Tha mar so biadh nan each na’s daoire na biadh nan daoine; agus ged a tha biadh dhaoine cho saor ’s iomadh aon a th’ anns a bhaile mhor sin air nach eil a ruigheachd ach cuibhrionn gle bheag dheth. Tha an nathir-uisge air tigh’nn air lom aon uair eile. Bha soitheach a dol seachad air Judique an la roimhe, agus tha ’n caiptean ’s an criu ag innse gun deachidh a bhiast mhor sin seachad gle fhaisg orra. A reir am barail-san bha i eadar sia fichead us seachd fichead troigh a dh’fhad, agus ceann oirre cho mor ri barailte molasses. Tha iad ag radh mar an ceudna gu facas i le seachd soithichean eile, agus chan e sin a mhain ach gu’n deachidh aon de na soithichean seachad os a cionn, ach nach do dh-eirich sgiorradh sam bith dhith air a thaileabh. ’S iongatach am beathach a th’ ann, cho tric sa thatar ’ga faicinn, agus cho ain’mig ’sa gheibhear duine a ghabhas ris gu bheil e creidsinn gu bheil a leithid ann idir! Rinn na tuathanich uile aoibhneas mor ris na frasan troma uisge a thanig madinn Di-ciadinn. Ma thig tuilleadh dhe’n t-seorsa cheudna, faodidh barr math a bhi ann fhathast, ach tha’m fiar air a mhilleadh o chionn fhada. Tha na tuathanich an caochladh aitean a spealladh an fheoir cheana, an dochas ma thig uisge gu’m fas an ath bharr romh thoiseach a gheamhridh. Fhuaireadh corp duine air an rathad-iarinn an Gntario Di-haoine s’a chaidh, ’s chan eil teagamh sam bith nach ann air a mhort a bha e. Bha slige a chinn air a bhristeadh an aite no dha, mar gu’m b’ann le tuaigh, agus bha aodunn air a mhilleadh. Tha iad a deanamh a mach gu’m bu cheanniche mhuinntir Winnipeg a bh’ann, ’s gu robh e air a mharbhadh air son a chuid airgid. Aig Richmond, Quebec, an la roimhe, bha Pierre Robideaux air a ghlacadh air son a bhi fiachinn ri banca a bhristeadh, agus dh-fhalbh maor leis air carbad gus a thoirt do’n phriosan. Ach air an rathad fhuair e cothrom air aon de na h-uinneagan fhosgladh, agus nuair a bha ’n carbad aig a luaths leum e a mach, agus bha e air a dhochunn cho dona ’s gun dh-eug e an ceann beagan uairean. Bha e tri fichead bliadhna sa sia a dh-aois. Aig Renfrew, Ont., an la roimhe, bha dithis nigheanan beaga a tilleadh dhachidh bho bhi buain shuidheagan; bha iad a dol seachad air an rathad-iarinn, agus thanig an carbad orra gun fhaireachadh. Chaidh an te a b’ oige dhiubh na boil, agus thoisich i air ruith air falbh gun a dhol bhar an rathaid idir. Chaidh an te eile as a deigh, agus dh-fheuch i ri toirt a thaobh, ach, nuair a bha i deanamh sin, bhuail an carbad iad agus chaidh am marbhadh le cheile. Aig Sidni-a-Tuath Di-domhnich s’a chaidh, bha fear de mhaoir a bhaile a dol air a chuairt abhisteach agus air dha tighinn gu aon de na laimhrigean (wharves) chunnic e duine anns an uisge a greimeachadh ri maide ’ga chumail fein an uachdar. Chaidh am maoir gu grad ’ga chuideachadh agus fhuair e a thoirt gu tir ann am bata. Bu sheoladair an duine bhar aon de na soithichean a bha ’san acarsaid. Thuit e d’an uisge ’s cha robh doigh aig air faighinn gu tir beo mur biodh gu’m facas e an am. Bha e gu toirt suas leis a sgios nuair a thugadh gu tir e. [TD 10] [Vol. 2. No. 2. p. 2] GAOL GAIDHEALACH. SGEULA FIRINNEACH. Le Naill MacLeod, IV. “Cha d’ thug mi gaol a dh’airgiod, Cha d’ thug mi gaol a dh’or, Cha d’ thug mi gaol do shioda, Cha d’ thug mi gaol do shrol, Cha d’ thug mi gaol dha ’n fhion dhearg A lionar anns an stop, ’S nach neonach leibh an gaol sin Tha daonnan na m’ fheoil.” An sealladh mu dheireadh a bha againn air Seonaid, ’s ann air a glasadh ann an seomar daingeann de thigh bhrathar-a-h-athar a bha i, gus an tigeadh a muinntir g’a h-iarraidh. Bha nighean og, thapaidh ’n a searbhanta ann an tigh a’ Bhaillidh, aig an robh co-fhaireachadh laidir ri suidheachadh Seonaid, agus a tha mi ’creidsinn aig an robh Domhnull i fein, nach bu toigh leatha dhealachadh rithe le ainneart. Fhuair i cothrom air dol a stigh far an robh Seonaid, agus thuirt i rithe, ni air bith a bha ’n a comas-se a’ dheanamh air a son, gu’n robh i lan thoileach a dheanamh, agus nach cluinneadh duine gu brath e. Thug Seonaid taing dhi air son a tairgse agus a caoimhneis, agus thuirt i rithe, gur e an t-aon ni a b’urrainn di ’dheanamh as a leth, na’n tigeadh Domhnull faisg air an tigh ro na h-oidhche, na’m biodh i cho math agus innseadh dha an seomar dhe’n tigh anns am biodh i ’tamh, agus na’m feuchadh i ris na dorsan fhagail fosgailte. Cha robh am Baillidh cinnteach as ciod a dh’ fhaodadh Domhnull feuchainn ris, agus air son a bhi dearbhte as a chuis, chuir e Seonaid a chadal an oidhche sin le ’bhean fein, ann an aon de sheomair-mhullaich an taighe. Bha moran sheirbhiseach aig a’ Bhaillidh, gillean agus nigheanan, agus thug e rabhadh laidir dhaibh, na’n cluinneadh iad gluasad air bith mu’n tigh air feadh na h-oidhche, iad a bhi air am bonn. Mu dha uair an ath mhadainn bha Domhnull le ’chuid ghillean air a’ chladach fodh thigh a’ Bhaillidh, agus chuir iad an comhairle ri cheile co dhiubh a b’fhearr dhoibh gabhail suas thun an taighe agus na dorsan a’ bhriseadh agus “prannadh nam meanbh-chuileag” a dheanamh air a h-uile duine a bha stigh a chuireadh ’n an aghaidh, no an e feuchainn ri Seonaid a thoirt a mach le sith a b’fhearr dhoibh, na’n gabhadh sin deanamh. Is e an co-dhunadh gus an d’ thainig iad mu dheireadh gu’n rachadh Domhnull thun an taighe leis fein, feuch ciod a ghabhadh faicinn no cluinntinn, agus bha cach gu laidhe am falach faisg air an tigh; oir cha robh fios aca co dhiubh bha Seonaid an tigh a’ Bhaillidh fathast no nach robh, agus mur a bitheadh, cha robh iad a’ dol a dheanamh dragh air bith, ach gabhail dreach a dh-Uidhist air a toir; ach ma bha i ann an tigh a’ Bhaillidh, bhiodh fios co na claiginn a bu [?]aidhe mur faigheadh iad i. “Is fhearr caraid s’ a’ chur na crun ’s an sporan.” Thachair bana-charaid Seonaid a gheall deanamh [?] a leth, ri Domhnull a muigh, agus th[?] i lan fhios dha air mar a bha cuisean air thoiseach air: dh’innis i dha ni a thachair [?]o Sheonaid bho ’n dh’fhalbh e, agus gu’n robh i ’n a laidhe aig an am ud le bean a’ Bhaillidh ann an seomar-mullaich dhe’n tigh. Thug i beachd sgeula dha air mar bha gach seomar dhe’n tigh air a suidheachadh agus an doigh air am faigheadh e gu Seonaid; “Ach,” ars’ ise, “Bheir thu uine dhomh-sa air dol a stigh, ag dol a laidhe mu’n gluais thu, oir na’m faigheadh iad a mach gu’n robh mi na m’ mheadhon air do threorachadh ’s a’ chuis so bhiodh mo bheatha ’n a gheall. Thug Domhnull moran taing dhi, agus bonn no dha air son a saoithreach, agus thuirt e rithe, nach biodh i gu brath gun charaid agus esan beo. An uair a shaoil leis a bha i ’n a laidhe, ghabh e ’stigh, agus suas an staidhir gu bog, balbh. Leis gach seoladh a fhuair e rinn e mar an seomar anns an robh Seonaid, gun moran dragh. Ghabh e stigh do n’ t-seomar gu fearail agus thuirt e “Am bheil thu an so, a Sheonaid?” Cha luaithe a thubhairt na leum Seonaid a mach as a leabaidh, agus bha iad ann an tiota, mar a thuirt Uilleam Ros— “Ann an glacan a cheile Le mor speis mar bu miann.” Ma dh’eirich Seonaid, d’ eirich bean a’ Bhaillidh, agus ghlaodh i gu’n robh daoine air feadh an taighe, agus ma ghlaodh, bha h-uile duine stigh air am bonn. Thoisich an upraid shios agus shuas, “am fear nach beireadh air a bhogha, bheireadh air a chlaidheamh.” Ghlaodh am Baillidh na dorsan a chrannadh, ’s na bha ’stigh biodh iad a stigh, ’s na bha ’muigh biodh iad a muigh, ach ged e bha barail aige air neart na bha stigh, cha robh fios aige air neart na bha muigh. Chuir Domhnull a cheann a mach air uinneig, agus ghlaodh e ri ’chompanaich. “Fhearaibh,” ars’ esan, “tha mise ’n am phriosanach an so.” “Ma tha,” ars iadsan, “cha bhi thusa fada mar sin.” Thainig Iain mor Domhnullach le roid thun an doruis a b’ fhaide mach agus chuir e ’stigh ’na spealgan e le ’dha shail; ghabh iad a stigh air feadh an taighe, agus cha b’ ann gu sith; thoisich an upraid, a’ ghleadhraich agus an tua[?]aid, “gach fear a’ toirt sgairbh a creagan dha fein.” Chuir am Baillidh gille air falbh a thional dhaoine, ach thug cuid de chompanaich Dhomhnuill an aire dha falbh, ruith iad ’n a dheigh, chaidh breith air agus a cheangal cho cruinn ri molt. Bha gille tapaidh eile de sheirbhisich a’ Bhaillidh a thug amh air gunna leis an robh e ’dol a’ dheanamh cuchd mor; ach mu’n d’ fhuair A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1883. [TD 11] [Vol. 2. No. 2. p. 3] e losgadh leis, bha e fein agus a ghunna ’n an laidhe ann an cuil gun a h-aon aca ro dheas air son cogaidh. Ghabh Iain mor Domhnullach suas an staidhir agus rug e air Seonaid ’n a ghlacan mar gu’m biodh paisde aige, agus rinn e air a’ chladach leatha. Thug Domhnull agus cuid eile dhiubh leo na gnothaichean a bh’ aice air son na slighe. Cha robh aig a’ Bhaillidh, agus aig na bha dhe ’theaghlach air chomas gluasaid, ach seasamh anns an dorus a’ tachas an cinn agus ag amharc ’n an deigh. An uair a thog iad na siuil ris a’ bhata, agus a ghluais iad a mach bho thir, thoisich piobaire a bh’ anns a’ chuideachd air cluich— “Gabhaidh sinn an rathad mor. Olc air mhath le cach e.” Sheid a’ ghaoth gu fabhorach ’n an deigh, mar gu’n gabhadh i aithreachas air son cur ’n an aghaidh ’n uair a dh’ fhalbh iad roimhe agus mar gu’m biodh i ’tuigsinn nach robh ann ach diomhanas agus peacadh do ghaothan agus do dhaoine a bhi feuchainn ri dealachadh a chur anns a’ charaid oig so, aig an robh an aigne agus an cridhe cho fuaighte ri cheile; agus a rinneadh air son a bhi ’n an aon fheoil. Chuir na gillean air tir ann an Gearrloch iad, agus rinn iad an rathad a sin mar a b’fhearr a chaidh ac’ air gu taobh deas Alba. An ath mhadainn an deigh dhaibh falbh, thainig brathair Seonaid a Uidhist le sgioba dhaoine g’a h-iarraidh, ach bha an nead air a chreachadh mu ’n d’ rainig iad, agus cha robh ach tilleadh dhachaidh a dh’innseadh mar a thachair. Ma chaidh an teaghlach gu dragh ’n uair a chaidh a h-ionndrainn an toiseach, cha b’ ann a nise bu lugha an dragh. Dh’fhalbh earraidean agus daoine air gach rathad, gu h-araidh do ’n Eilean-Sgiathanach; cha d’ fhag iad uamha, coire, na doire nach do rannsaich iad, agus maille ri sin, bha airgiod cinn trom air a thairgseadh do neach air bith a gheibheadh greim orra. Is e cheud iomradh a fhuair iad orra gu ’n robh iad posda. Dh’ fhalbh lad beagan an deigh sin do na Rioghachdan thall, far an d’ thainig iad air an aghaidh gu gasda. Ghabh an Sasunnach a’ chuis gu cridhe cho mor ’s gu’n do chuir e dheth a’ bhaillidheachd, thug e Sasunn air, agus cha chula mi riamh ciod a’ chrioch a thainig air. An latha a sgaoil an naigheachd air feadh nan eileanan, mar a thachair do Dhomhnull agus do Sheonaid, bu lionmhor searrag a chaidh a thraghadh ag ol an deoch-slainte; bu lionmhor dorn gaoisneach, feitheach ’g a sgailceadh air bord; agus bu lionmhor sgornan fallain Gaidhealach a’ seinn— “’S e mo run an Gaidheal laghach, Is tu thaghainn ’s cha b’e ’n Gall, Ort a thig na h-airm gu sgibidh, Os cionn adharc chrios nam ball, Failte dhuit ’us slainte leat! (A CHRIOCH) Lizzie Borden. Tha Lizzie Borden air a leigeil ma sgaoil an deigh dhi a bhi fad naoidh miosan ’sa phriosan, ’sa dhol troimh chursa lagh cho deuchinneach ’sa ghabhadh a bhith. Bha amharus gle laidir air a chur oirre cho luath ’sa rinneadh am mort, ach an deigh a bhi rannsachadh na cuise uine mhor, dh’fhairtlich air na fir-lagha ’bha [?] h-aghidh fianuis a thoirt air adhart a dheadh i no eadhon a shealladh le cinnt sam bith gu robh fhios aice co rinn am murt. Air an laimh eile chan eil e air a dhea[?]hadh idir gu bheil i neochiontach. Thug an luchd deuchinn a mach mar breith nach robh i ciontach, ach tha moran dhe’n bharail fhathast gu bbeil i ciontach, agus gu dearbh bha nithean ann a bha gle fhada na h-aghidh ged nach b’urrinn an lagh feum sam bith a dheanamh dhiubh. Ach a nise tha i air saoradh leis an lagh agus aon uair ’s gu bheil, chan fhaodar dragh sam bith a chuir oirre tuilleadh. Ged a gheibhte mach am maireach gur h-i mharbh a [?]athir ’sa muime, cha n-eil de lagh do de dh-fhir-lagha ’sna Staitean na dh-fhaodas am meur a chur oirre. Tha iad a nise gun fhios aca co ’rinn an gniomh oilteil ’s cha m-eil moran coltais air gun gabh e faotinn a mach. Ach co rir bith a tha coireach cha n-eil dad is cinntiche na gu’n tig e ’m folais air uair no uair-eigin. Facal no dha a Hogomah. Fhir-Dheasachidh,—Is taitneach leam a bhi cluinntinn gu bheil cairdean na Gailig deonach gu’m bi do phaipear air a dheanamh na’s mo agus tha mi an dochas gun dean iad anns gach aite an cinn a chur ri cheile gus a chuideachadh. Aig an am so tha mi cluinntinn gu bheil am mathan ri call air a Mhullach. A cheud chuairt a thug e, mharbh e caora ’s uain air Gilleaspig Domhnullach. Chaidh triuir as a dheigh gach fear le ’ghunna air a ghuallinn, ach tha e coltach gu robh e na bu sheolta na iad, ’s gun dug e ’n car asda. Lean iad air a thoir moran mhiltean, gus ’n do chuir e mu’n cuairt ’s thill e, ’s dh-ith e pairt de’n chaora cheudna air a dhinneir, mu’n do phill luchd an t-seilg dhachidh. Air oiche araidh o chionn ghoirid bha gill’ og a dol dhachidh o bhi cur eolas air nionagan a bhaile, agus mar a bha crois an dan dha, co ’bha roimhe air an rathad ach am mathan ceudna! Gh[?]d thug Domhnull na buinn’ dha ’s ghabh e surdag leis a bhruthich,— Cha do sheall e as a dheigh Cha do dh’ eigh e air cuilean, Ach ghabh e an ratreud! Di-ciadinn s’a chaidh thug e ’n darra cuairt. Tha e coltach gu’m b’e uachdar a bha dhith air, oir dh-ol e da chreamer air aon do mo nabaidhean. So agibh sgeul a mhathain cho fad ’s a fhuair mis i. An ’la ’chi ’s nach fhaic, is mi ’ur caraide dileas. LAMH AMAIDEACH, Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 12] [Vol. 2. No. 2. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 8, 1893. Tha Ard-chomhairle Chuan Bhering aig fois a mise, tha na fir-lagha an deigh an cuid oraidean a liubhirt, agus tha na breitheamhan a cnuasachadh nan cuisean a chuir iad fa’n comhair, ’s an saoghal uile a feitheamh ris a bhreith a bheir iad a mach. Bidh a bhreith sin air a toirt a mach mu dheireadh na seachdain s’a tighinn, ’s bidh fhios an uair sin de’n duthich, a reir am barail-san, aig a bheil an ceart air a taobh. Tha lan dhuil aig sluagh Bhreatuinn gum bi i air a toirt a mach air a taobh fein, ’s tha corr us leth amharus aig muinntir nan Staitean fhein gur h-ann mar sin a bhitheas, ach cha n-eil fhios de dh-fhaodas an Ard-chomhairle a dheanamh. Tha aireamh mhath de dh-orain ’s de mharbh-rainn ’s de nithean eile aginn air laimh nach urrinn dhuinn a chlo-bhualadh cho luath ’s bu mhath leinn, no idir cho luath ’s bu mhath leotha-san a chuir thuginn iad. Tha sinn a fiachinn gach seachdain ri aon us aon diubh a chur as an rathad le ’n cur an clo, ach tha cuid diubh cho fada ’s nach bitheamid a toirt ceartas d’ar luchd-leubhidh le sin a dheanamh idir. Ach so rud a bhitheas sinn gle thoileach fhaighinn agus a chuireas sinn an clo cho luath sa bhios ’nar comas. ’Se sin litir bheag sgiobalta, ag innse naigheachdan an aite, no sgeulachd ghoirid a’s fhiach a leubhadh, no ni eigin eile dhe’n t-seorsa sin. Ma chuireas tu sin thuginn, cha n-eagal nach teid e ’sa MHAC-TALLA. Dh’fhiach duine ’mhuinntir Montreal da’n ainm Bridgeman ri ’bhean a mharbhadh o chionn ghoirid le losgadh oirre. Chaidh a thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh eisdeachd ris na fianisean, ’s ris an luchd-lagha, thug am breitheamh dha ceithir bliadhna deug dhe’n tigh-oibreach. Tha e air tighinn gu solus a nis gu bheil call na “Victoria,” ri fhagail gu buileach air an Admiral Tryon, aig an robh na soithichean uile fo ordugh. Bha e air bord na Victoria, agus thug e ordugh do na soithichean tionndadh mu’n cuairt, ni nach robh comasach dhaibh a dheanamh leis cho faisg ’sa bha iad air a cheile. Chuir an t-ordogh a leithid de dh-ioghnadh air na ceannardan eile ’s nach robh fhios aca co dhiu a bheireadh iad geill dha no nach toireadh. Tha riaghailtean na Cabhlich Bhreatunnach a toir cead do chaptean long-chogidh diultadh ni sam bith a dhianamh a chuireadh an long an cunnart, ach bha uiread earbsa aca so a breithneachadh an t-admiral ’s gu’n d’ rinn iad a reir aithne, agus air tailleabh sin chaidh an Victoria do’n ghrunnd le corr us leth na bha air bord. Cha robh Tryon ach air tilleadh gu obair a cheart mhadainn sin an deigh dha bhi na laidhe tinn air an leabidh, agus cha chualas e riamh roimhe a toirt ordugh sam bith a chuireadh na soithichean an cunnart cho mor. Tha e mar sin gle choltach nach robh an t-admiral bochd aige fhein nuair a thug e ’n t-ordugh cronail so. Nuair a bhual na longan na cheile ’sa bha ’n Victoria gu dhol fodha, dhiult e gluasad as aite, ach chaidh e sios maille ri ’dhaoine, a choinnich am bas cho treun ’s cho foghainteach ris, fein. Cha do leum a h-aon diubh a mach gu iad fein a thearnadh gus an d’ fhuair iad aithne sin a dheanamh, a nochdadh mar sin gu bheil na Breatunnich, ann an cas, cho treum sa bha iad riamh. Tha call na Victoria, san riaghilt a bha ’measg nan daoine gus a mhionaid mu dheireadh a toirt gu cuimhne call na Birkenhead, nuair a chaidh aon de na reiseamaidean Gaidhealach a shlugadh suas leis a mhuir. Sheas iad uile nan sreathan air clar-uachdar na luinge, an coirneal air an ceann, gach duine na aite fein, fodh lan armachd, gun ghluasad, gun charachadh, gun fiamhachd eagail ri fhaicinn an gnuis a h-aon. Agus aig a mhionaid mu dheireadh, nuair a bha ’n cuan mor a fosgladh a bheoil ’gan gabhail a steach, thog iad uile an cuid ghunnachan agus mar aon duine loisg iad urchair, a gabhail an cead deireannach de thir nam beo. Bi’dh cuimhne air call na Birkenhead, fhad sa bhios eachdridh ann gus a chumail air chuimhne, agus bi’dh call na Victoria a cheart cho iomraiteach, air son an sgiorridh uamhasich a dh’aobharich e agus air son rian agus treine nan daoine a chaidh a dhith. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00......1.00 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 13] [Vol. 2. No. 2. p. 5] Trod Iain Oig. An cuala tu riamh mu throd Iain Oig? Bha Iain Oig na dhuine coir, siobhalta, tuigseach; agus air do mhinisteir ainmeil tighinn rathad Baile-nan-leac, shearmonaich e air a’ bhlar-a-mach, agus bha Iain Og am measg na chaidh ga eisdeachd. Co bha ann am broileach a’ cho-thionnail ach Domhnull Mor, agus bha e fein agus Iain Og ro mhor aig a’ cheile. Theireadh naimhdean Dhomhnull gu’n gabhadh e deur math ’s gu’n robh e fein agus “Mac-an-Toisich” na’n deagh chairdean. Coma co dhiubh, caraid ann no as, thuit do’n mhinisteir choir facal rabhaidh a thoirt do’n cho-thional, mu iad a bhi air am faicill mu’n uisge’ bheatha. Ars’ esan “Ma ni da ghloine coire dhuit na gabh ach a h-aon, ’s ma ni h-aon coire dhuit na gabh gin idir.” Cha do chord so idir ri Domhnull Mor, agus thuirt e “Fhalbh, fhalbh! thoir seachd do dh’ Iain Og a’s dhomh-sa ’s dean do roghainn mu’n chor.” ’N uair a chuala Iain coir so cha mhor nach do leagh e leis an naire, agus bhoidich e gu’n tugadh esan air Domhnull e, air son mar a naraich e esan. Cha chuala duine Iain Og a’ trod riamh, agus bha gach h-aon a’ feitheamh gu foighidneach gus an cluinneadh iad trod Iain, agus a’ cumail suil air an da cheatharnach, feuch c’ uin a’ thigeadh iad tarsuinn air a cheile. Thachair iad gu goirid air sgaile an rathaid mhoir, agus ’s e na fhuair Domhnull de throd—“Idir, idir, a Dhomhnuill! naraich thu mise.” Bho sin gu so tha cuimhn’ air “trod Iain Og.” Tha Cleveland an deigh am mod bliadhnail ris an canar an “Congress,” a ghairm gu bhi cruinn air an t-seachdamh latha de’n fhoghar. Cha n-eil e ag innse de ’n t-aobhar air son a bheil e deanamh so, oir cha n-abhist do’n mhod cruinneachadh ach aon uair sa bhliadhna, agus sin ’san earrach, ach cha n-eil teagamh sam bith nach ann a chum cuisean a chuir ceart a thaobh cuinneadh an airgid, mi air a bheil na Staitean aig an am so gle fheumach. Tha na h-uiread de dh-airgiod ’ga thoirt as na meinnean gach bliadhna ’s gu bheil e air tuiteam ann am pris. Nuair a chaidh an dolar airgid a chuinneadh an toiseach b’fhiach e uiread ri dolar oir, ach a nise cha n-fhiach e ach beagan us leth-dolar, agus tha dragh mor us call air aobharachadh leis. Tha Cleveland, co-dhiu, a cur roimhe gu’m bi gach ni air a cheartachadh agus gum bi creideas nan Staitean air a chumail suas. Chaidh an tigh aig Raonul Mac Fhionghain, ’sa Bhras D’ or Bheag na theine oiche Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh na bha ’san tigh a dhusgadh air feadh na h-oiche le faileadh teine, ’s cha b’urrinn daibh dad a dheanamh ach eirigh ’san tigh fhagail. Cha n-eil fhios cia mar a thoisich an teine. Alasdair ’s na Moirearan Dearga. O chionn iomadh bliadhna, air do na Moirearan dearga tighinn a nuas a Duneideann, mar is gnath leo bhi deanamh gus an la ’n diugh, do chuid de bhailtean na Gaidhealtachd gu bhith toirt tagraidhean doirbhe as an rathad, thachair doibh tighinn do bhaile araidh far an robh luchd lagha, tha e coltach, cho aineolach air a’ Ghailig riubh fein. M[?] thainig gach tagradh air am beulthaobh thainig aon tagradh air son reic uisge-bheatha gu’n ordugh. Dh’eigheadh air Alasdair Ban a stigh, oir b’e ’m fear-diona ’sa chuis so. Dh’ fheumte mhionnachadh ’s an t-seasamh bonn. Nuair a chual’ Alasdair so ghabh e eagal. Ged a bha e ’na dhuine anabarrach fuasgailte cha tugadh e mionnan-eithich airson ni sam bith. Thionndaidh Alasdair ris a’ Mhoirear ’s thuirt e, “I canna swear in England. I swear in Galic. Galic is the best lankage that was ever porn.” Nuair a leig e air mar so nach robh beurla aige, dh’iarr am Moirear air Mr Caimbeul—an ’aon fhear-lagha aig an robh beagan Gailig, a thoirt air Alasdair mionnachadh anns a’ Ghailig. Thionndaidh Mr Caimbeal ri Alasdair ’s thuirt e, “Alasdair, cha ’n’ eil a dhol uaith agad, feumaidh tu mionnachadh ’s a Ghailig.” Thionndaidh Alasdair ri Mr Caimbeul ’s thuirt e, “Am beil duine an so a thuigeas Gailig ach mi fhein ’s tu fhein? “Cha’n’ eil,” arsa Mr Caimbeul.” “O mar eil” arsa Alasdair, “mionnaichaidh mise.” Nuair a thog Alasdair a’ lamh ’s a dh’eisd e ri briathra na mionnan, ’se thuirt e ri Mr Caimbeul, “Gu’n tugadh an donus leis gach’ uile mac mathar a tha ’n so ach mi fhin ’s tu fhein,” ’s leag e lamh. “An do mhionaich e nis” arsa ’m Moirear? “Mhionaich e gu dearbh” arsa Mr Caimbeul. Thoischeadh air Alasdair a cheasnachadh, ’s ma thoisica cha chuireadh iad ite as. Bha Mr. Calmbbeul gu math eolach air Alasdair ’s air a chleasan fada roimhe so, agus o nach robh e ach na fhear-eisdeachd ’sa’ chuirt leig e leis a dhol air aghart mar a thogair e fhein. Leis a so tha sinn a faicinn gu’m biodh e ro fheumail do’n luchd-lagha iad fhein gu’m biodh iad comasach air Gailig a thuigsinn. Mu’n aon duine tha mar so a’ buanachd air an luchd-lagha bhi gun Ghailig faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil a fichead a’ call ris. Chaidh bean og a mhuinntir Halifax a mharbhadh air an rathad-iarinn faisg air Amherst, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha a corp air a gharradh na phiosan leis na cuibhlean. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnallach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aainn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Suabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 14] [Vol. 2. No. 2. p. 6] Turus a Mharaiche. Le Eobhan Mac Laomuin M. A., D. D. Bhuanaich Talamh Dearg, agus a theaghlach re na h-oidhche ud ann an urnuigh. Dh-amhairc a chlann le geur-aire air an seilbhean. Moch sa mhaduinn, dh fhag Talamh Dearg a bhean sa chlann gach ni as an deigh, choisich iad troimh shraidean Bhabilon, agus thionndaidh iad an aghaidhean dh-ionnsuidh a chladaich. Chuala Bhan-righinn Scarlaid uime so, ach fhreagair i: “Tha m’ baile gu math dheth bhi cuiteas a phlaigh duine so.” Thubhairt iadsan a ghabh beachd dheth idir. “Tha cuid a dhaoine ann aig nach eil fios nuair tha iad gu math dheth.” Dh’fhan Talamh Dearg samhach agus air dha bhi di-chuimhneachadh na nithe bha air a chul agus ga shineadh fein chum na nithe a ta air thoiseach agus ghreas e air adhar-t ged bha bhi fagail Bhabilon mar bhi spionadh suil dheas. Bha ’n t-slighe gu Port an Aithreachais anabarrach doirbh. Dh-eirich a ghrian le teas loisgeach, bha’n talamh garbh scaipte le dris agus cuairtichte le fiadh-bheathaichean, agus sheid gaoth scaileach neul de ghainmheach. Bha Talamh Dearg agus a mhac Tomas crabach le casan goirtach air do Mhuire Rut a ghabhail air laimh-choisich iad gu luthor agus gu sunndach. Ruith Peadar gus an robh e cion-anail, agus thainig e gu marbh stad aig aite far an robh da rathad a coinneachadh, aon diubh leathann agus furasda, an t’aon eile aimhleathan agus duilich; An so bha meur-phosta, agus air aon taobh dheth bha na briathran so. “Tha slighe ann a chithear direach le duine: ach is iad a crioch slighean a bhais.” Air an taobh eile; “Ach is cumhann an dorus agus is aimhleathan an t-slighe a ta treorachadh chum na beatha agus is tearc iad a ta g’ amas oirre.” ’Sann ainmig a chithear na briathran so leosan tha nis deidheil air ruith cabhagach an aite bhi roghnachadh gu maith. Thainig a chuid bu mho dheth na Babilonich an fhad so uair no uair eiginn na ’m beatha, ach do bhrigh gu ’n roghnaich iad an t’ slighe leathann fhuair iad iad fein air ais na ’m baile fein, a’ cuir an ceill gu ’n d-rinn iad spairn chum Port an Aithreachais a ruigheachd agus gu’n dh-faritlich so orra: Mar so thugadh droch theisd air an t’ slighe aimhleathan. Chordadh an t’ slighe leathan ri Talamh Dearg ach bha fios aige gu’m bi so slighe e bhais. Shuidh e sios aig na rathaidean tarsuinn gus na dh-fhas na h-uillaich rag anns an uisge agus a cho. Fhras na gaothan a nios duilleagan marbha, dh-ealraich an dealanach o aon ionad fo neamh a’ soillseachadh gus an ionad eile, bha guth an Tighearna ri taireanaich ach roghnaich a chlann o’n aon a b’oige gus an aon bu shinne an t’shlighe aimhleathan, am paisde Rut air thoiseach orra uile—ni a ghairm gu cuimhne Talamh Dearg na briathran,—“Agus ni leanamh beag an stiuradh, maille riu so.” Gu deimhin a ta mi ag radh ribh, ge be neach nach gabh rioghachd Dhe mar-leanamh beag, nach teid e air chor sam bith a steach innte. Dh-eirich e air a chasan, agus ghabh e cheud ceum anns an t’ slighe aimhleathan, bha ’n ath cheum ni b’usa, ach aig fheothas, bha ’n rathad garbh, air mhodh araidh dhoibsan bha trom ann a feoil. Tha MRS. ALVA YOUNG, Waterford, Ont., a sgriobhadh, “Bha mo leanamh gle thinn leis an tinneas shamhridh, agus cha d’ rinn ni feum dha gus na dh’fheuch Dr. Fowlers Extract of Wild Strawberry, a leighis e gun dail. ’Se leigheas cho math ’sa dh’fheach mi riamh. Leighsidh Minard’s Liniment cannabhrist. Leighsidh Dr Fowlers Extract of Wild Strawberry, cholera, cholera morbus, gearrach agus a h-uile euslaint eile dhe’n ghne sin. A phris 35 cent. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. Tha Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. Bi cuibhteas do dhroch stamag mu’n tig an cholera, Leigsidh K. D. C. am miar a’s miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 15] [Vol. 2. No. 2. p. 7] An Uiseag. (Tha so air a thoirt a Irisleabhar na Gaidhlige, agus bha e air a sgriobhadh le aon de na sgoilearan Gailig a’s fearr a tha ’n Alba.—An t-Urr. Iain Mac [?]uridh, ’san Eilean Sgiathanach.) Cha’ n’ eil eun anns an ealtuinn air an robh uiread de mheas aig luchd-aiteachaidh nan Eileanan an Iar ’s a bh’ aca air an uiseig. Ri mo cheud chuimhne fhein bha meas mor aig daoine oirre. Ach tha leithid a dh’ atharrachadh air tighinn air beachdan agus air cleachdaidhean dhaoine ’s gu bheil moran dhe ’n t-sluagh os cionn a bhith ’toirt fa near eunlaith an adhair. Tha eagal mor orm nach ’eil daoine a’ bheag air thoiseach an gliocas agus ann an tuigse, no idir ann an caoimhneas agus ann an caranas, air na daoine a bh’ ann ’san aimsir a dh’fhalbh, ged a tha iad ’gam meas fhein moran ni’s glice na na daoine ’dh’fhalbh. An uair a bha mi og bha an uiseag air a meas ’na h-eun beannaichte. Cha chreachadh duine sam bith a thainig gu gliocas an nead aice air son rud sam bith. Bha mo an eadhon a’ meas gu robh e ’na pheacadh nead na h-uiseig a chreachadh. An am an treabhaidh, ’nan tachradh gu ’m biodh nead na h-uiseig ann an talamh a bha gu bhith air a threabhadh, rachadh am ploc dhe ’n talamh anns am biodh an nead a thogail leis a’ chaibe, agus a chur an aite sabhailte air uachdar an treabhaidh. Nam biodh an uiseag air toiseachadh ri gur air na h-uighean, cha ’n fhagadh i uaipe idir iad; ach mur bitheadh, cha rachadh i ’nan coir tuilleadh. Is e ceithir uighean a bhios aig an uiseig mar is trice. Ach uair is uair bidh a’ coig aig te is te dhiubh. Is e, An Uiseg-Mhuire, a theirear ris an uiseig aig am bi na coig uighean. Gu math tric bidh fear dhe na h-uighean anns nach bi eun. An uair a thig na h-eoin as na h-uighean eile, theid an t-ugh anns nach robh run a chur as an t-sealladh air dhoigh eiginn; agus theireadh daoine o shean gur e chur anns an deachamh rinn an uiseag air. Tha so a’ nochdadh gu soilleir dhuinn gu robh an uiseag air a meas ’na h-eun beannaichte aig an am ud. Is e an t-aobhar sonraichte air son an robh mear cho mor air an uiseig, a chionn gu robh i a’ toiseachadh ri gairm anns a’ mhaduinn Latha Fheill Bride. Bha i mar so ag innseadh gu robh an t-Earrach air tighinn. Tha daoine gu nadurra toilichte an uair thoisicheas an latha ri fas fada. Aig toiseach an Earraich tha ’n cruthachadh gu leir mar gu’m biodh e ’dusgadh as a chadal, agus a ’teannadh ri cumhachdan naduir a chur an ceill. Tha cuimhne gle mhath agam an toileachadh a bhiodh air sean is og an uair a chluinneadh iad an uiseag a’ gairm. Ach ma bha an uiseag a’ failteachadh an Earraich le oran binn, bha na daoine a bh’ ann o chionn da cheud bliadhna a’ failteachadh na h-uiseig mar an ceudna le briathran cho math agus cho freagarrach ’s a b’ urrainn daibh a chur ann an altaibh a cheile. Bheir an rann a leannas gne de bheachd dhuinn air a’ mhor-mheas a bh’ aig daoine air an uiseig. Tha dearbhadh agam gu bheil dluth air da cheud bliadhna o’n a rinneadh an rann so. Bha e mar chleachdadh aig daoine a bhith ’ga ghabhail anns a’ mhaduinn Latha Fheill Bride, an uair a chluinneadh iad an uiseag a’ gairm. So ma ta an rann:— “Air sgiathaibh siubhlach an aird nan speur, Tha ’n uiseag bheusach, bhreac-bhallach, chliuiteach, A’ seinn a ciuil dhuinn le deadh ghleus; A’ toirt sgeul an Earraich as ur dhuinn, An deigh a ciurradh le fuachd breun; A’ taisbeanadh maise, agus umhlachd Do’n Triuir a tha ’n aird nan neamh; Mar fhianuis an aghaidh nan slogh, ’S mar dhearbhadh air gloir nan neamh. Tha ribheid a cleibh a’ toirt urraim air gach ceol. Truailleachd naduir no gniomh lamh Cha chuirear mar thair air a h-eoin. Craobh mheangannach, dhosrach O dhuslach na talmhainn, Mar sin an duine ’s e ’falbh ann an ceo; Gun subhailc, neo-bheusach lan truailleachd, Tha ’n duine fo bhuaireadh mar sgleo. A Thi phriseil, nam buadhan caomha, Ceadaich dhuinn aomadh gu ceol A sheinn do na naomhaibh, ’Tha ’comhnuidh an saoghal nam beo, Far nach fuaraich an gaol, ’S am maireann an ceol— Muire nan gras, Peadar is Paul agus Eoin. Amen.” Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing le MINARD’S LINTIMENT. MRS. A. LIVINGSTONE. Lot 5, P. E. I. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh le MINARD’S LINIMENT. IAIN MADDER. Mahone Bay. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois le MINARD’S LINIMENT. JOSUA WYNACHT. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colberne Sts Toronto, Can. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 16] [Vol. 2. No. 2. p. 8] Iain Dubh na h-Uamha. FONN.— “Tha ghaoth an iar cho caithreamach.” Is oganach deas suairc thu Ged thuirt cach Iain Dubh na h-uamha riut; Is tric an comunn uaislean thu An uair a bhios tu ’g ol. Is tric an comunn &c. Ag ol gu sunndach, suigeartachd, Gun stuirt, gun ghruaim gun bhriogaireachd; Cha stop a ghlaodhar idir leat Ach slige mar-ri corn. ’S ann dh’fhiosraich a bhean-sheinnse dheth ’Ga fharraid, is i faighneachdail, “Co e’n duine uasal aoibheil so Tha cur a chaoimhneis oirnn?” “Ma ’s i do thoil ’s do shiobhaltachd Do staoileadh fearainn innse dhomh, Gun doir mi botul fiona duit Is seilbh air nioionaig oig.” An Uamha Mhor an Ile ’S i mo staoileadh fearainn chinntich i; ’S bho Chlann Mhic Dhiarmaid shiolaich mi ’S bho Anna nighean Mhic Ceol. Is cinnteach ma ’s fear fearainn thu Nach gabh thu bhuamsa a chailinn ud, Ged bheirinn ceud bo bhainne dhuit. ’S da dhusan gearran og. Cha ghabh mi-fhin ’s cha’n fhiach leam i, ’S gur h-iomadh maighdean shiobhalta Lo’ h-aid ’s le guintean sioda Tha gu cinnteach orm an toir. Mo lamh gur sgiobair mara thu ’Ad shuidhe air stiuir gu h-ealanta, Ga h-iarraidh ’suas neo-aineolach, ’S i ceangailte ’na sgoid. Thig cota’ dh-aodach Sasunnach Mu d’ ghuaillibh shios a spaisdearachd; Thig spuir is botuinn ’s ad ort, Gruag mu d’ mhuineal ’s car dhe’n t-srol. Air son cuideachadh le bantraich ’s le dilleachdain nan daoine a chaill am beatha air a Victoria, tha muinntir Bhreatuinn a cur airgiod cruinn, agus tha suim mho air a ghealltinn cheana. Chuir luchd-riaghlidh Bhreatuinn ann na b’urrinn daibh, agus tha moran de dhaoine cothromach an deigh am fialuidheachd a nochdadh air an doigh cheudna. Tha luchd-riaghlidh Chanada a cur mile punnd Sasunnach no coig mile dolair ann mar chuideachadh leis an tional, agus a nochdadh a cho-fhaireachdain a th’aig sluagh na ducha so ri cairdean nan daoine a dh-fhalbh. Leighridh Minard’s Liniment Deideadh. An Tim a Bh’ ann bho Chian. (Auld Lang Syne.) ’M bu choir sean eolas dhol a cuimhn’ ’S gun teachd a chaoidh gu miadh? ’M bu choir sean eolas dhol a cuimhn’ ’S gach turn a bh’ ann bho chian? Air son na tim a bh’ann bho shean, Air son na tim bho chian, Gun olar cupan caoimhnis leinn Air son na tim bho chian. Bhith’mid a ruith air feadh nam bruach, A buain nan ur-fhas miadh’, Ach rinn sinn iomad ceum fo sgios Bho’n tim a bh’ann bho chian. Bhith’mid a luidrich anns an allt Bho mhaduinn gu am diot, Ach eadaruinn bha gairich cuain Bho ’n uair a bh’ ann bho chian. So dhuit mo lamh a charaid ghasd, ’S fair dhomh do lamh gu fial, ’S gun ol sinn cuach de’n tarruing bhlasd Air son na tim bho chian. Gu cinnteach gheibh thu stopan dibh, ’S gheabh mise fear mo riar, ’S gun olar cupan caoimhnis leinn Air son na tim bho chian. ALASDIR AN RIDSE. S’e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotinn air son droch stamag. Leighsidh Minard’s Liniment losgidhean. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Mac Gillios & Mac Fachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin. [TD 17] [Vol. 2. No. 3. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 15, 1893. No. 3. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. [?] H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHD AN NASEACHDAINN. Fhuair soitheach a bha ’dol suas Abhinn St. Lawrence, an la roimhe, muc-mhara mharbh anns an uisge agus shlaod iad gu tri i. Nuair a thomhais iad i, fhuair iad gu robh i leth-cheud traigh a dh-fhad. Tha sinn an deigh cordadh ur a dheanamh riuthasan a tha cur a mach an “Scottish Canadian,” agus theid aginn air an da phaipear a thoirt fad bliadhna, maille ri leabhar oran, air son da dholair. Tha am bradan gle phailt ann an cearnan de Nova Scotia. Ann an aite ris an abrar Hall’s Harbour bha corr us coig tunna dhe’n iasg bhriagha sin air a ghlacadh an da latha. Chaidh a chuid bu mho dhe a chuir gu Boston far a bheil deagh pris air. Tha suas ri da mhuillean gu leth dolair aig muinntir Eilean Phriunns’ Iomhair ’sa bhanca. Tha ’n t-suim sin a fagail dolair thar fhichead mu choinneamh gach duine, bean us paisde a th’ air an eilean air fad, neo ceud dolair mu choinneamh a h-uile teaghlach. Tha soitheach-smuid chruadhach ’ga togail ann an New Glasgow air son a bhi ’g aiseag a charbaid-iarinn thairis air Caolas Chanso, ’s tha i nise cha mhor air a criochnachadh. Tha i ri bhi air a cur do’n uisge mu mheadhon-latha an diugh, ’s ann am beagan laithean bi’dh i aig a h-obair. Dh-fhag dithis bhraithrean, Tearlach us Albert Cann, an dachidh aig Westport, N. S., air madinn an latha mu dheireadh dhe’n mhios s’a chaidh, agus cha chualas iomradh orra riamh bhuaithe sin. Chaidh iad a mach a dh-iasgach agus tha e ro choltach gu’n deachidh iad fein ’s am bata do’n ghrunnd. Bha ’n dithis aca posda agus teaghlichean aca. Ann an Gearrloch, an Siorramachd Phictou, Di-mairt s’a chaidh dh-eug Domhnull Domhnullach, seann saighdear Gaidhealach a rinn a chuid fein gu Bonapart a thoirt gu umhlachd am Blar Waterloo sa bhliadhna 1815. Bha e ceud bliadhna ach aon nuair a dh-eug e, agus tha cuid dhe’n bharail gu’m be am fear mu dheireadh dhe’n aireamh mhor a bha ’sa bhlar iomraiteach sin. Bha stoirm mhor thairneanach us dhealanach aig taobh an iar an eilean Dior-daoin s’a chaidh. Bha i anabarrach trom aig Hawkesbury. Ranig an stoirm eadhon gu Sidni ach cha robh neart sam bith leatha, agus cha robh ach fior bheagan uisge na cois. Oiche na Sabald s’a chaidh, bha duin-uasal a mhuinntir na Frainge am Montreal, agus ghoideadh maileid a bh’ aige anns an robh diamonds a b’fhiach coig mile doiair. An ath latha fhuaireadh a mhaileid ann am stor far an deachldh a reic air son da dholair. Cha robh aon de na diamonds air an call. Tha bean ann an Eureka, an siorramachd Phictou, an deigh dileab mhor fhaighinn a Sasuinn. Air an t-seachdain s’a chaidh fhuair i mile dolair, ’s chan eil an sin ach suim bheag an taca ris na tha tighinn fhathast. Thanig i gu New Glasgow an deigh dhi an t-airgiod fhaighinn ’s tha iad ag radh nach robh soradh aic’ air. Bha soitheach aig an robh luchd cruidh air bord air an t-slighe gu Sasuinn an la roimhe, agus bhuail i air cruach deighe faisg air Newfoundland, a mhill i cho dona ’s gum b’ fheudar a ruith gu tir. Cha mhor gu bheil am dhe’n bhliadhna nach eil na cruachan deighe ’sa chuan aig Newfoundland, agus tha iad nan cunnart mor do shoithichean. Tha an t-ard-riaghladair a dol a dh-fhagail Chanada toiseach na seachdain s’a tighinn. An deigh dha a chead a ghabhail de mhuinntir Ottawa, taghlidh e am Montreal ’s am Quebec ’s bheir e latha ’s gach baile a gabhail a chead dhiubh-san. Bi’dh e an sin a togail air falbh gu buileach, ’sa dol gu Sasuinn far a bheil oighreachd a shinnsir a feitheamh ri bhi air a sealbhachadh leis. Feasgar Di-ciadinn, chaidh Tearlach Robinson duin’ og a mhuinntir Truro a mharbhadh leis a charbad iarinn mu dha cheud slat bho ’dhachidh. Bha e fein us nighean og a coiseachd cuideachd nuair a thanig an carbad orra; chaidh iad gu taobh an rathaid air ball, ach a reir coltais cha deachidh esan fada gu leor, agus bhual oisein a charbaid ’na cheann, ’ga ghrad mharbhad. Fhuair e a bhuille cho trom ’s gu robh larach a chinn air fhagail anns an fhiodh air a charbad. [TD 18] [Vol. 2. No. 3. p. 2] MAC FIR A’ CHOIRE. Tha ann an aon de na h-eileanan Earra-ghaidhealach aite ris an abair iad an Coire Gorm, agus b’e Eachann a b’ainm do’n mhac a b’oige bh’ aig Niall, fear a’ Choire. Theirerdh cuid gu ’n robh Eachann air a mhilleadh le ’pharantan agus le daoine eile, agus nach ruigeadh a leas fiughair a bhi aig neach gu’n tigeadh turn maith uaith air aghaidh an t-saoghail so. Ach biodh sin mar a thogras e tha aon ni cinnteach agus ’se so e, gu’n robh Eachann cho lan innleachdan—agus de droch innleachdan cuideachd—’sa bha ’n t-ubh de ’n bhiadh. Cha rachadh tamh no fois air ach a’ cluich chleas air cuid-eigin, agus bha e cho docha gur ann air ’athair a thoisicheadh e ris a’ bhalachan bhuachaille. Ach ’s e deireadh gach comunn sgaoileadh, agus thainig an t-am ’s am feumadh Eachann falbh agus rud-eigin ionnsachadh leis an coisneadh e a lon saoghalta coltach ri daoine eile, chionn cha b’urrainn da bhi daonnan an Tigh a’ Choire. Chualas gu’n robh Eachann a’ falbh do’n airde deas, agus gur ann a dh’ ionnsachadh na doctaireachd a bha e ’dol. “O eudail! b’ e sin doctaireachd na dunach,” arsa Mairi Mhor, “marbhaidh e daoine.” Mharbh e coileach air Mairi beagan roimhe so le bhi ’ga thumadh ’san stuth anns am biodh iad a’ tumadh nan caorach. Bha seann duine coir anns a’ bhaile ris an abradh iad Calum Tailear, na Calum Peanseanair ’s e bu bhitheanta theireadh iad ris. Bha e bliadhna thar fhichead ann an arm an Righ, agus ge b’e ’sam bith eile a dh’ ionnsaich e ann, dh’ ionnsaich e an taillearachd, agus thainig e dhachaidh gu duthaich ’oige agus bha e ’na thailear anns a’ Choire Ghorm. Bhitheadh Eachann a’ Choire gu math tric air cheilidh air Calum. Bha moran sgeulachdan aige, agus bu mhath a rachadh aige fein air an innseadh, agus, neo-ar-thaing, ranndachd—agus bha Eachann gle ghaolach air na gnothaichean sin air fad. Thainig e air feasgar sonraichte a dh’fhagail beannachd aig Calum mu’m fagadh e an duthaich. “Am bheil an ceum so gu Galldachd, Eachainn?” asa Calum. “Mur am bheil, cha ’n fhada gus an uair a bhitheas!” arsa Eachann. “Ma ta,” arsa Calum, “is iomadh rann-sgeul faoin gun bhrigh ri san d’ eisd sibh uamsa bho cheann ionadh bliadhna, ach tha rann no dha an so agus bu mhath leam sibh g’ an ionnsachadh agus gu’m bi iad agaibh nan cuimhneachan orm. Cha bhi mise daonnan ’s a’ Choire Ghorm na ’s mo na sibh fhein.” “Cha chreid mi gu ’n di-chuimhnich mi iad aon uair ’s gu’m faigh mi greim orra!” arsa Eachann. Ach co dhiubh, dh’fhalbh Eachann agus dh’fhag e dachaidh o’ge. Bhiodh e tighinn dhachaidh sgriob anns an fhoghar daonnan, agus tha iad ag radh gu ’n cuidich an t-ionnsachadh an t olc cho math ’s a chuidicheas e am math, agus tha eagal orm gu ’n robh sin soilleir gu leoir do neach ’s am bith a bhiodh a’ gabhail beachd air Eachann. Ciod ’s am bith a bha e ’deanamh an uair a bha e air falbh’ cha robh a chluich agus innleachdan dad na b’ fhearr an uair a bha e aig an tigh. Bhiodh e toirt ionnsramaidean iongantach mi-nadurra dhachaidh leis, agus bha daoine gle ghlic anns a’ Choire ag radh nach buinneadh iad do ni math ’s am bith. Cha ’n ’eil neach ’s an aite air an cuireadh iad moran iongantais an diugh, ach thainig iomadh car agus caochladh air an t-saoghal bho cheann deich bliadhna fichead, agus cha ’n eil an Coire Gorm saor bho na caochlaidhean sin na ’s mo na aiteachean eile. B’ e aon de na h-innleachdan sin an rud ris an abair sinn anns a’ Bheurla, “Galvanic Battery,” agus cha robh neach a fhuair deuchainn de ’n rud a bha ’n so nach robh cinnteach gur ann do chumhachd an dorchadais a bhuineadh e. Bha boirionnach ’s an aite ris an abradh iad Mairi an Uillt, agus ged nach robh innte ach boirionnach bochd a bha trusadh a codach feadh na duthcha, cha robh neach ’s an aite cho neo-eismeileach rithe. Cha robh te no fear ’s an sgireachd d’am b’fhearr a b’aithne neach achaineadh na i, agus cha robh e ’gu muthadh co dhiubh bhiodh ann an t-uachdaran no am ministeir, an righ no ’n ridire, ma thoill e a chaineadh air Mairi ’s ise an te nach caomhnadh e. Ach air latha de na laithean chunnaic Eachann Mairi tighinn a nuas a dh’ionnsuidh an tighe, agus thug e leis an ionnsramaid air an d’ thug mi iomradh cheana, agus da chathair, agus dh’fhalbh e mach agus chaidh e crioman beag bho’n tigh, leig e na cathraichean sios agua chuir e an ionnsramaid ’n a suidhe air aon dhiubh agus bha ropaichean aige aisde a bha e ceangal ri aon de na cathraichean. Bha e fuasach trang ma b’ fhior e fein, ’s cha do leig e air gu ’m fac e Mairi gus an do bhruidhinn i ris. “O, m’ eudail air do cheann dualach donn!” ars’ ise, “’s mor an toilinntinn d’ fhaicinn aon uair eile!” “An sibh a th’ ann a Mhairi?” ars’ Eachann, “Cia mar a tha sibh? Nach math a tha sibh a’ cumail ris!” “Mise a’ cumail ris eudail nam fear, ’s ann a theab mo mharbhadh bho cheann mhios; cha robh mi mach air an dorus fo cheann coig seachdainean.” “Tha mi duilich sin a chluinntinn” as Eachann; “Ciod e ’bha ’cur oirbh?” “O ciod e ach an loinidh! An rud a A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1883. [TD 19] [Vol. 2. No. 3. p. 3] bhios a’ cur orm gus an cuir e as mo chiall mi, air neo as an t-saoghal, ach ciod e’n gnothach iongantach a th’ agaibh an so? “Tha an so,” ars’ Eachann, “acfhuinn-iasgaich. Am beir sibh air a Mhairi gus am faigh mi a chur air doigh?” “Ni mi sin” ’arsa Mairi, “agus cuiridh mi geall nach misde a bhuaidh e”—agus i a breith air na cnagain ud ’n a lamhan, ’s i gabhail a’ chronain so dha:— “Buaidh le m’ cheist air ear na eathar Lannaibh t-eisg air tiur ’s air lic; Mogul teann mu cheann an sgadain ’S mordha an giuir a’ bhradain bhric. Ach ghearradh an cronan aig Mairi goirid, agus cha robh glaodh a bheireadh i aisde nach cluinnte far nach faicte i. Cha robh duine beag no mor an Tigh a’ Choire nach robh a nach mar gu’m biodh an tigh ri theine mu na cinn aca. Ach mu’n d’fhuair iad guth radh leig Eachann Mairi a sas, agus bha ise ’n a seasamh ’s i suathadh a basan, agus an uair fhuair i a h-anail thionndaidh i ri Eachann ’s e pasgadh nan gnothaichean ud gus a chasan a thoirt as cho luath ’s a b’urrainn da, agus thubhairt ise, “Mata gu’m bu droch coinneamh ’g ad amas a spadaire spuachdaich gun tur! Cha b’ iongantach an ainm an aigh ach iad gad chur air falbh gu ionnsachadh. Cha ruigeadh iad a leas cha ’n eil am fear a tha ’gad ionnsachadh fada uait uair ’s am bith. Ach cha chuireadh ord mor a’ ghobhainn caomhalachd no cneasdach ann ad spolachd-cheann carrach, glog-shuileach, craosach, gun tuigse, inisg air a h-uile duine bho ’n d’ thainig thu agus air an duthaich a dh’araich thu!” “Coma leibh, a Mhairi;” arsa te de na searbhantan, “cha dean e coire ’s am bith oirbh.” “Cha dean e coire ’s am bith orm!” arsa Mairi, “cha robh ann ach gu’n robh mi ag euladh mar a bha, ach tha mi nis mar gu’m bithinn air mo shlugadh ’s air mo chagnadh aig muic mhara agus air mo sgeith air an traigh as a dheaghaidh sin!” “Ach ’s ann a ni e feum dhiubh,” arsa te eile de na searbhantan, “tha e math air an loinidh.” “Dh’fhaoidte gu ’m bheil,” arsa Mairi, ’s e mo bharail-sa gu ’n cuireadh e an loinidh ann an spagan a’ chroinn-threabhaidh, no an lorg suiste!” Ach fhuair iad Mairi a thoirt a stigh agus saod a chur oirre, agus thiodndaidh Eachann aire air gnothaichean eile. (Ri Leantuinn.) A DHAOIN UAISLE,—Bha mi air mo leigheas le tri botuill de B. B. B., an deigh dhomh bhi fada tinn le cion cnamhidh bidh, agus chomharlichean dhaibh-san air am bheil an tinneas ceudna B. B. B. fhiachinn. Turus a Mharaiche. Ghabh Tomas an sealladh mu dheireadh air Babilon: Nuair a choisich Talamh Dearg astar araidh le ceum sunntach, thoisich e air beachd mhaith bhi aig uime fein, agus thuislich e; thainig ceo air a shuilean, smeurich e airson na slighe mar dhuine dall, bha an solus air tionndadh gu sgail a bhais, agus tiugh dhorchadas. Air do chach fhaicinn a tuisleadh dh’fhas iad lag-chridheach. Bha Tomas ann an teagamh co dhiu bha iad air an t-slighe cheart. Labhair Peadar mu dhireadh beinne; ach thubhairt a mathair, “Tha mi cluinntinn borbhan na ’n tuinn.” “Cha n-eil ann ach nualan na gaoith” fhreagair Talamh Dearg. Air dh-ise bhi dheth speorad ciun agus macanta dh-fhan i na tosd. Beagan as deigh so thubhairt an leanabh Rut ris, “Tha mi cluinntinn fuaim na fairge.” Dh-eisd iad uile agus chual iad, ach Tomas a mhain, a bha air uairibh bodhar air aon chluais. Mar is mo dh-fhas a fuaim ’sann bu mho a’m bron airson peacaidh, agus a’ m fadal gu bhi glan ’nan cridhe. Bha iad a nis aig stucan ’Bron ’Diadhaidh, direach os cionn Port an Aithreachais. Uime sin ghreas iad an ceuman agus an uine ghearr, rainig iad a spuir a b’airde dheth na stucan agus, feuch! an fhairge fhosgailte. Bha soitheach air acair air na h-uisgeachan. ’S e b’ainm dhi Sgeul a Mhor Aoibhnis.” Leum a’ moridheachan le gairdeachas. Gidheadh cha robh an soitheach a sealltuinn co mor ’sa bha iad an duil; ach mar a’s mo a dh-amhairc iad sann bu mhaisich a dh-fas i. Chaidh meinn ghuail ann an Siorramachd York, an Sasuinn, na teine air an t-seachdain so, agus leis an spreadhadh a dh-aobharich e, bha corr us ceud de na meinneadairean air an dunadh a stigh, agus aireamh mhor air am marbhadh. ’M BHEIL CEANN-GOIRT ORT? Leighsidh B. B. B., ceann-goirt, oir tha e tighinn bho dhroch-stamag, ’s bho thiemeas a ghruain, agus tha B. B. B. a glanadh ’sa riaghileachadh na fala agus mar sin a deanamh feum do’n chorp uile. Dh-eug Sir Uilleam Mac Fhionghain ann an Sasuinn air an darra latha fichead de’n mhios s’a chaidh. Bha e na dhuine gle bheairteach, agus bha e gach bliadhna a toirt seachad moran airgid air son gach deagh aobhar. B’e ceann-cinnidh Chloinn Fhionghain agus bha tlachd mor aige ann a bhi rannsachadh a mach ’s a faotinn gach eolis a b’ urrinn da air a luchd-cinnidh air feadh an t-saoghd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 20] [Vol. 2. No. 3. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 15, 1893. Tha e ro choltach nach eil feill an t-saoghil gu bhi na ni cho math do mhuinntir Chicago sa bha iad an duil. Chuir muinntir a bhaile sin suas moran thaighean agus rinn iad gach ullachadh eile air choinneamh na feille an duil gu robh iad a dol a dheanamh aigiod mor nuair a thigeadh i. Ach an aite buanachd a dheanamh, ’s ann a tha iad a dol a chall gu dona. Chan eil idir uiread sluaigh a dol thun na feille sa bha air a smaoineachadh an toiseach, agus mar sin chan eil an t-airgiod a tigh’nn a stigh na thaoman cho mor sa bha am beachd na feadhnach a bha togail thaighean air a shon. Tha iad a nise deanamh a mach gum bi eadar seachd us ochd de mhuilleinean dolair air a chall. Bi’dh an t-suim sin ri dheanamh suas leotha-san a chuir an fheill air chois. Cha n-fhaigh iad an t-suim a bha air a ghealltinn dhaibh le Riaghladh nan Staitean idir, oir bhrist iad an cumhnanta air an robh iad ri fhaighinn, ’s e sin, an Fheill a bhi duinte air an t-Sabaid. Tha muinntir Newfoundland ’s na Frangich an deigh a dhol far a cheile aon uair eile. Beagan us mios roimhe so thug na h-iasgairean Frangach moran bathair as an Fhraing gu Newfoundland, agus dhiult iad cis a phaigheadh air, a chionn nach robh coir ac’, a reir am barail fein, air cis a phaigheadh. Ach cha robh dhol bhuaithe aca, agus nuair a dhiult iad as us as, chaidh am bathar a thoirt bhuapa ’sa reic. Thanig am t-admiral Frangach gu acarsaid St. John’s beagan laithean an deigh sin agus bha e dol a dh fhuireach ann gu deireadh na seachdain so. Tha ’n ceathramh latha deug de dh-Iulaidh na latha feille aig na Frangich, agus bha esan a dol ’ga chumail aig St. John’s, ’s bha e air a chuireadh gu cuirm mhor a rinn an Riaghladair. Ach air dha bhi aig a bhaile beagan uine chuir e fios gu luchd-riaghlidh na ducha iad a chur air ais a bhathair a thugadh bho na h-iasgairean. So cha deanadh iad, agus ’nuair a dhiult iad chuir an t-admiral a thagradh air beulaobh an Riaghladair, ach bha esan cho rag ri cach. Ghabh an t-admiral so san t-sroin agus thog e an t-acaire air ball ’s sheol e air falbh, ag radh nach robh esan gu bhi fuireach an sid na b’fhaide gu oifigich Bhreatunnach a bhi ’deanamh fanaid air fhein ’s air a dhuthich. Bha ’n riaghladair ’s na h-uaislean eile air am fagail aig a chuirm leotha fhein, gus an ni a b’fhearr a b’urrinn daibh a dheanamh ris na nithean matha a bh’ air an ullachadh. Cha chuala sinn de’n car a chuir an t-admiral dheth an deigh dha St. John’s fhagail, ach cha n-eil teagamh nach cluinnear bhuaithe fhathast. Litir a Camp nan Saor-thoileach Gaidhealach an Inbhir-Ghordon. A MHIC-TALLA IONMHUINN,—Shaol leam gun cordadh e gu math riut beagan fhacail a chluinntinn bho’n champa mhor so, bho nach robh a leithid an Alba riamh, ach a mhain aig Dun-Dheorsa sa bhliadhna 1891. Bha na coig reiseamaidean a leanas ann, Reiseamaid Rois, Chataoibh, Mhoraidh, Bhanibh, agus Inbhirnis. Bha corr us ceithir mile fear ann gu h-iomlan, ’s bha ceithir fichead piobaire us tri drumairean deug air fihichead a cluich comhladh air la an rannsachaidh. Bha ’n camp uile fo chomannda Chluanaidh ’Ic-a-Phearsain, seann saighdear iunnsaichte, agus bha na piobairean na bu lionmhoire na bha iad an camp an Alba riamh, oir cha robh ach da fhichead dhiubh a cluich aig an aon am aig Dun-Dheorsa, an 1891. Thainig mor shluagh as gach ait gu Inbhir-Ghordan air la an rannsachaidh, agus theid mi ’n urras nach fhaca moran dhiubh cruinneachadh cho mor de shaighdearan Gaidhealach riamh roimhe. Co-dhiu cha deid an sealladh so as an cuimhne gu luath. Chruinnich an camp air 21d latha de mhios meadhonach an t-samhraidh, agus sgaoil e air an 28mh latha dhe’n mhios cheudna. CREAG-AN-FHITHICH. Ann an Quebec ’s an Ontario, tha ’m fiar ’s am barr a tighinn air adhart gu briagha agus tha e ro choltach gu’m bi iad gle mhath. Tha na tuathanich a toiseachadh air an fhiar cheana, ’s tha ’n cruithneachd a gealltinn a bhi na bharr gle throm nuair a thig am a bhuain. Chan eil am fiar no idir am barr an Ceap Breatuinn, an Nova Scotia ’s an Eilean-a-Phriunnsa, gu bhi faisg cho fad air ais sa bha duil ris beagan roimhe so. Tha na h-uisgeachan a thanig air an t-seachdain ’sa chaidh an deigh gach ni ath-nuadhachadh, agus ma leanas na frasan air tighinn, ni iad tuilleadh feuma, ’s bidh an tuathanach an sin ag radh ris fein nach eil an duthich so cho dona an deigh a h-uile rud. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.00 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 21] [Vol. 2. No. 3. p. 5] Clann Illeathain. Tha Clann Illeathain air feadh tir-moir America ag deanadh ghairdeachas ’s a cumail cuirm an los turus an Ceann-cinnidh do’n tir so. Bha cruinneachadh mor aig an fhine aig Chicago air a mhios so agus thainig an Ridre Mac-Illeathain, na h-uile ceum bho Dhubhairt gu bhi comhla riu. Fhuair e deagh chomhail agus failte nach di-chuimhnich e am fad ’s as beo e. Thug a luchd-cinnidh aoidheachd dha fein agus do bhaintighearna Dhubhairt, a bha maille ris, a bha cliuiteach dhaibhsan agus ciatach dhasan. Cha do chaoin iad cosdais; bha ailghios, gun struidheis, toilinntinn gun a bhi anameasara, agus bha an co-chruinneachadh mor, anns na h-uile doigh, airidh air ainm agus inbhe Clann Illeathain. Air a shlighe air ais thaghail e ann an Toronto far an d’fhan e fad seachdainn am measg a luchd-cinnidh ’s a bhaile sin. Ghabh an Comunn Gaidhlig an cothram failte a chur air ann an ainm nan Gaidheal, anns na briathran so: COMUNN GAIDHLIG TORONTO. DO’N RIDRE FITZROY DOMHNULL MACILLEATHAIN. TRIATH DHUBHAIRT, AGUS CEANN-CINNIBH CLANN ILLEATHAIN. A RHIDRE Inbheach—Air feadh an t-saoghail, air an la’n diugh, gheibhear Gaidheil agus an sliochd a tha comharraichte airson an gradh do’n luchd cinnidh, ’s do thir ghaolach an aigh, tir an fhraoich ’sa mhuirein, ’s an d’ araicheadh iad fein no an sinnsearean. ANN an Toronto tha aireamh lionmhor do Ghaidheil aig a bheil cridheachan blath do’n Ghaidhealtachd ’s do na daoine a tha, ann an sin, a’ cumail suas cliu agus canain an athraichean. Do’n aireamh chliuiteach sin tha sibhse, Cean-Cinnidh Clann Illeathain, a bhuanaich inbh’ ard ann an arm ’ur duthcha, a dhearbh sibh fein mar shar shaighdear; treun agus ealanta, mar bu dual do oighre Lachainn Mor; a tha baigheal, teo-chridheach do’n sluagh a tha ag giulan ’ur n-ainm; agus fos, aig a bheil gradh do chanain, do cheol agus do dheagh chleachdaidhean nan Gaidheal. AIR an aobhar sin tha Comunn Gaidhlig Toronto air an son fein agus ann an ainm Gaidheil Chanada ag cur faillt oirbh. Tha iad a’ toirt furan duibh do’n duthaich so ’s gu h-araid do’n bhaile so, far a bheil moran do bhur fine. Tha sinn a’ toirt fainear le gairdeachas an t-urram a tha Clann Illeathain, air an taobh so do’n chuan, a’ nochdadh dhuibh mar an Ceann Cinnidh; mar Ghaidheal airidh tha sinn a’ sineadh ar lamh dhuibh ’s a guidhe slainte, sonas agus soirbheachadh dhuibh ge b’e cearn ’s am bi sibh. IAIN CATANACH MAC ILLEMHAOIL, Riaghladair. NIAL MAC FHIONNGHAINN, Run Chleireach Air oidhche Di-luain do’n t-seachdainn so, ’n uair a chaidh am Failte so a chur air Triath Dhubhairt, bha cuirm air a toirt dha le Clann Illeathain, Toronto. Bha leth-cheud duine a lathair agus aireamh choir do mhnathan uaisle. Bha an Ridre agus cuid eile do’n chuideachd ’s an deise Ghaidhealach agus dh’oladh deochean slainte Gaidhealach agus sheinneadh orain Gaidhlig gus an saoileadh neach gu robh e air traigh a Chaoil Muileach ’s beanntan creagach na Moraine mu choinneamh. Bha an cridheachan subhach leis a chuirm, agus ghluaiseadh inntinnean ’n a bha lathair le iomradh air eachdraidh agus cliu Chlainn Illeathain leosan a bha tabhairt nan tosd. ’N uair a thugadh “Deoch an Doruis,” bha na coilich a’ goir air na sparran ’s bha na neoil a’ bristeadh ’s an aird’ an ear.— Mac Huistein, ’san Scotish Canadian. Slainte do na Gaidhil Ghasta a phaigheas am MAC-TALLA. So ainmean muinntir a phaigh dolar air a shon gu toiseach Iulaidh, 1894. I. D. Domhnullach, Great Bend, Pa. Capt. Mac Amhlaidh, Gloucester, Mass. Niall Mac Leoid, (Eildeir), Cow Bay. Aonghas Mac Aoidh, Providence, R. I. Domhnull C. Mac Neill, Gd. Narrows. Domhnull Mac a-Phersain, Gd. Narrows. Muracha Mac Rath, Ottawa. Bean Iain ’Ic Gilleain, Eilean Phictou. Uilleam Buchanan, (Siorram,) Sidni. Iain Mac Odrum, Sidni Tormoid Mac Neil, Sidni Tearlach Caimbeal, Boston. A. J. Domhnullach, Cambridge, Mass. Iain G. Mac Eachinn, Woburn, Mass. Alasdir Domhnullach, An Abhinn a Deas, N. S. Donnacha Mac Griogar, An Abhinn a Deas, N. S. Mairi Chamaran, Pitcher’s Farm, N. S. Gilleasbig Mac Phail, Orangedale. Alain Domhnullach, Salmon River. Aonghas Gillios, Hogamah. D. C. Mac Leoid, Beinn Leodhis. A. Bain, Port Hawkesbury. Capt. A. I. Moireastan, do. An t-Urr. Calum Mac Leoid, Ceap Nor. Thanig duine air an robh coltas duin-uasail gu Truro air an t-seachdain s’a chaidh agus rinn e bargan ri ceanniche an sin air son suim mhor de dh-airgiod meallta a bh’aige. Bha aig a cheanniche ri da cheud us fichead dolair a thoirt dha, agus air son sin gheibheadh e fiach da mhile dolair de’n airgiod mheallta. Phaigh e an da cheud ’san fhichead do ’air sios, ach cha d’ fhuair e an da mhile fhathast, ’s chan fhaigh fhad a’s is beo e. Ma theid e chur an fhir eile ’s an lagh theid e-fein ann, ’s cha n-fhaigh e as gun a dhol troimh ’n tigh oibreach. Tha am fear eile a spaisdearachd air feadh a bhaile ’se na’s coltiche ri duin uasal na bha e riamh. ’S iongatach na bheil de dh-amadain ’s an t-saoghal. GHLEIDH E ’BHEATHA.—Molidh mise Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry, oir ghleidh a mo bheatha dhomh nuair a bha mi mu shia miosan a dh’aois. Tha mi nise ceithir bliadhna deug a dh-aois. FRANCIS WALSH, Delkeith, Ont. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aainn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Suabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 22] [Vol. 2. No. 3. p. 6] Am Bard ’s Mac Talla. Air an t-seachdain s’a chaidh thanig thuginn leis a phosta an litir a leanas, a dh-innseas a sgeul fein. A MHIC TALLA,—Chuir mi cran beag thugad an uirikh s cha dug sibh suil air, agus chuir mi oran beag eile thugaibh am bliadhna s cha dug suil air no bu mhu. Sheall sibh beag orm; agus bho n rinn sibh se sin rinn mise so. AOIR MHIC TALLA. Bo, bo, Mhic Talla bu mhath thu dhol bh’uainn S thu dh’fhuirach aig baile feadh talamh a ghuail Bo, bo, Mhic Talla bu mhath thu dhol bh’uainn. Bu mhath leinn do thuineadh Bhi thall thar a mhuniadh, S nach cluinn-a-mid tuille Do bhurrol no t-fhuaim. Bo, bo, &c. Ged dheanadh iad mor thu, Cha dean e do chomhnadh, S ann ni e do leonadh S do stor a thort bhuat Ged thig thu thar caolas As imeachd an taobh so, Cha n’fhaigh thu ann daoine Bheir aonta dhuit buan. Ged dheanadh tu chleachdadh Bhi tighinn gach seachdain, Bu shuarach an eachdraidh Bhiodh leatsa ga luaidh, Ged thig thu da n bhaile Cha tachair ort caraid S cha n-eisd iad ri t-ath-ghuth No caireal do dhuan. Ged sheinnas tu cronan Le facail neo chomhnard Air m’ fhirinn cha ch-eole Thoirt solas da’r cluais, Aon de na h’oighean A rachad ga d chomhnadh Gu milleadh nan oran B’i n oiseach gun bhuaidh ALASDAIR. Fhreagir sinn an latha sin fein, a gabhail ar leisgeil fein cho math sa dh-fhaodamid, agus a gealltuinn an t-oran a chur an clo an uine ghearr, rud a rinn sinn. Latha no dha an deigh sin fhuair sinn an darra litir bhuaithe, agus ’s ann mar so a ruith i,— A CHARAID,—Fhuair mi do litir. Tha mi a chur thugad dolar air son bliadhn’ eile dhe’n MHAC-TALLA. Do Charaide Dileas, Alasdair. Agus an sim chuin e sios oran a Moladh MHIC TALLA. Deoch Slainte MHIC TALLA so thainig air chuairt. Thar caolas na mara bho thalamh a ghuail Deoch slainte Mhic Talla so thainig air chuairt. Nuair thig thu do ’n bhaile Air ni fhirinn bu mhath leam Bhi ag eisdeachd ri d’ t’ath-ghuth Ga airis a’m chluais. Nuair thig thu gun seachran Mu tho’seach na seachdain Gur h-eibhinn gach eachraidh Bhios leatsa ga luaidh. Nuair thig thu go’d chardean Sa labharas tu an Gailig Gur subhach an gaire Mu d mharan grinn suairc. Nuair sheinnas tu oran Gu binn fhaclach ceolmhor Bidh cuanal de dh-oighear Ged chomhnadh leis suas. Gu faighar gun dearmad Gach neigheachd neo chearbach Mu ghaisgich na n garbh-chrioch Bha Calma san ruaig. Tha thu eolach s gach aite N robh clannabh nan Gaidheal Mu n cleachdadh s ma n abhaist Fo sgath na m beam fuar. Leighsidh Minard’s Liniment cannabhrist. Tha Dotairean ag radh nach dig Cholera ’nad choir ma bhios do stamag glan. Glanidh K. D. C do stamag ’s cumidh e air falbh an Cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botuil. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 23] [Vol. 2. No. 3. p. 7] Sgeul a Margaree. A MHIC TALLA RUNAICH.—’N uair a sgriobh mi ugaibh mu dheireadh bha sinn ann an curam mor mu dheibhinn an bharra, le fior thiormachd na side. Uaithe sin sann air ais a chaidh a feur agus roinn dhe’n bhuntata. Rinn fior dhearrsadh na greine a feur a losgadh, agus tha e na ’s tainne ’n diugh na bha e o chionn da sheachduinn. Thainig reodhadh air oidhche araid a mheath barr a bhuntata ann an aitichean nochta sa rinn moran milleadh air. Ach tha chuid nach d’ rug an reodhadh air a coimhead gle mhath, agus ma bhios an t-side fabhorach a so suas agus an daolag a dh’fhuirach air falbh tha misneach mhath aginn as a phor sin fathast. Bheirinn cagar do “Sheonaid” bhochd ann a so gu bheil mor aille sgaoilte fathast ma ghleannan Mhargaree, agus nach do chaill iad a bheag dhe riomhadh air tailleabh a cuid-sa atamachd ri “Beinn-na-Gaiseid.” Tha Bheinn sin boidheach gu dearbh le crun ioma-dhathach ’s le tla-ghaoth fheasgair, ’s ma’ dh’fheudte le leannan Seonaid a tamh oirre, ach ann an coimeas ri gleann Mhargaree, cha ’n’ eil i ach mar bhealamas na cuilm. Tha Riaghladair na Mar-roinn, Daly, a tamh nar measg o chionn da sheachduin, agus tha gach ni cordadh ris cho math agus nach eil teagamh nach doir e cliu air a cheairn so do’n tir ’n uair a thilleas e air ais go Halifax. Bha e san eaglais againn Di-domhnaich, agus bha mor thlachd aig na h-uille dha irioslachd, dha chaoimhneas, ’s dha choltas gu leir. De do bharail, a “Sheonaid,” cia mar a chordadh e ris an Urramach so da sheachduinn a chath air “Beinn-na-Guiseid.” Ged tha mi gle chinnteach gu faighadh e daoine fialaidh ann agus Gaidheil gu’n cul, tha amharus agam nach biodh inntinn gu tur riaraichte. Ach tha mi creidsinn gu’n abair Seonaid; “Tha fear as fhearr no e fureach ann.” Tha fuathas do nigheanan a tilleadh dhachaidh a Boston air an t-samhradh so moran diu chaill an coltas agus beagan a chaill a Ghaihhlic. Ach tha mi creidsinn gur i Ghaidhlic as giorra chaidh uatha. Tha sin uile bosdail a bhi faicinn MHIC TALLA air a dhubladh ann a meudach, agus tha sin gle chinnteach gum bidh gach neach anns a bheil fuil Gaidheil a toirt an chuideachaidh dha mar as cor, agus se’n cuideachadh as fhearr an dollar a phaighidh roi-laimh. Duine sam bith a leubhas MAC-TALLA fad bliadhna ’snach cuir air adhart am beagan a thathas ag iarraidh air a shon, ’sneach gun treidhireas, gun spiorad Gaidheil a than, fear a chumadh a chlaidheamh san truaill an teis comhraig. Mur d’thig pradhainn teann orm cluinnidh sibh uam fathast an uinne ghoirid. CAORSTAIDH. Tha Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. ’Siongatach cho coltach ’sa tha Palestin, seann duthich na Iudhach, a fas ri duchannan na Roinn-Eorpa ’s America. Tha rathad-iarinn a ruigheachd Ierusalem, tha ’n telegraph ’s an telephone air obair ann, ’s tha ’n duthich uile mar gu’m b’eadh a dusgadh as an t-suain chadail ’s an robh i o chionn chiadan bliadhna, agus a toiseachadh air oidhirp a thoirt air eirigh suas gu bhi toirt aire ’n domhain gu leir, mar nach dug i riamh o’n sgriosadh Ierusalem. Tha am baile mor sin, a tha cho ainmeil ann an seann eachdridh an t-saoghil, a fas nas mo a h-uile bliadhna, agus tha ’n aireamh Iudhach a tha comhnidh ann a dol an lionmhoireachd, agus an diugh tha deich mile dhiubh a tuathanachas an tir an aithrichean, agus a deanamh beolaind mhath, far nach robh aon deich bliadhna roimhe so. Tha moran de nithean ’gan toirt do’n duthich nach eil idir a co-fhreagirt ris an ainm a tha sinne toirt di,—An Tir Naomha. Tha ’n t-slighe gu Sliabh nan Crann-Olla air a fagail mi-dhreachor le paipearan mora bana bhi ’n crochadh ris na craobhani ’s ris na creagan, a comhairleachadh do gach aon a ghabhas an rathad a bhi ’g ol an uisge-bheatha thatar a deanamh am Bail-a-cliath Eirinn. Agus a h-uile latha Sabaid tha ceol us dannsa air a chumail suas o mhoch gu dubh ann an Garadh Ghetsemane! Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. MRS. A. LIVINGSTONE. Lot 5, P. E. I. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh le MINARD’S LINIMENT. IAIN MADDER. Mahone Bay. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois le MINARD’S LINIMENT. JOSUA WYNACHT. Aig Richmond, Indiana, feasgar na Sabaid s’a chaidh bha carbad anns an robh Mrs Ganz agus a dithis chloinne air a bhualadh leis a charbad-iarinn, agus chaidh an triuir a mharbhadh. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colberne Sts. Toronto, Can. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 24] [Vol. 2. No. 3. p. 8] Sgeula mo Mhort Ghlinne Comhann. Ann an Apuinn Mhic Iain Stiubhart tha Tigh osda, ris an abrar tigh Phort-na-Croise. Thainig saighdear dearg ga ionnsuidh aon latha, agus air dha bhi gabhail gloinne maille ri fear-an-tighe agus coimhearsnach a dh’eirich a bhi stigh san am, bha e toirt naigheachdan dhoibh a bha ro thaitneach leis na daoinibh. Mu dheireadh dh’fheoraich iad dheth ciod an gnothach bu sgreamhala a chunnaic e fhad na shiubhail e. Fhreagair e gum faca e iomadh ni a bha gle uamhasach, ach gur ann aig Mort Ghlinne Comhann a bha e na fhianuis air an aon ni bu sgreamhala chunnaic e riamh, agus b’e so e. “Cheangladh sea-fir-dheug le ’n lamhaibh air an culaobh, maille ra’n easgaidibh agus caolaibh an cas. Chuireadh nan suidhe air beingidh Mhoir iad agus chaireadh sea-musgacha-deug ra’m broillichibh, leis an do thuit iad marbh ceart comhlath; Sin,” ars esan, “gnothach bu ghraineala ’chunnaic mi riamh.” “An so, dh’eirich fear-an-tighe agus a choimhearsnach a mach, agus dh’fhag iad an saighdear na aonar san t-sseomar. “Tha mi nis a tuigsinn’, arsa fear-an-tighe, “gun robh an saighdear so mu mharbhadh m’ athar, oir bha e do na sia fir-dheug ud; agus tha m-inntim air eirigh cho mor na aghaidh, ’s gu bheil mi smuainteachadh cuir as da gun tuilleadh dalach.” “Cha ’n ’eil sin aige-san ach air t-ordugh. ’S ann a theid sinn a stigh agus a dh’fhiosraicheas sinn ni’s faide dheth mu thinnchioll a ghnothuich.” Se so rinn iad, ag radh ris an t-saighdear, “Ciod a sin a thachair, cia ’mar a chriochnaich an gnothuich?” “Aig briseadh an latha,” ars’ esan “fhuair sinn ordugh togail oirinn ’san Gleann fhagail. Air dhuinn a bhi ’g imeachd air ar n-aghaidh air an rathad mhor, san Ceannard a marcachd air ar ceann; a dol thar allta bha air an rathad chuala sinn sgriach leinibh os ar cionn ann am bruaich an uillt. Thill an Ceannard air ais, agus seach fear eile dh’orduich e dhomhsa dol suas, agus ma ’s e leanabh gille bh’ ann a mharbhadh. Dh’fhalbh mi, agus air dhomh dol beagan air m-aghaidh, chunnaic mi bean choir, eireachdail agus plaide uimpe, ’s i gabhail a chur na plaide am beul an leimibh ga chumail gun chaoineadh. Ged is e leanabh gille bh’ ann cha duraichdinn lamh a chur ann; agus thill mi air m-ais ag innseadh do ’n Cheannard gur leanabh nighinn bh’ ann.” “’S mise.” ars’ fear-an-tighe osda, “an leanabh a bha’n sin ann an achlais mo mhathar, is a rinn thusa ghleidheadh beo.” ’Nuair chual e so, am fear a bha smaointeachadh cuir as da roimhe, cha robh fhios aige nis ciod a dheanadh e ris an t-saighdear, a nochdadh dha a h-uille caoimhneas a bha na chomas.—As an Teachdaire Ghae’lach. Leighridh Minard’s Liniment Deideadh. MO CHAILIN DILES DONN. Gu ma slan a chi mi A chailin dileas donn! Bean a chuailein reidh, Air an deis a dh’eireadh fonn; ’Si cainnt do bheoil a’s binn leam, Nuair bhitheas m’inntinn trom, ’S tu thogadh suas mo chridh Nuair a bhi’dh tu bruidhinn rium. Gur muladach a ta mi, ’S mi nochd air aird a’ chuain, ’S neo-shundach mo chadal domh, ’S do chaidreamh fada uam; Gur tric mi ort a smaointeach; As d’aogais tha mi truagh; ’S mar a dean mi d’fhaotainn Cha bhi mo shaoghal buan. Suil chorrach mar an dearcag, Fo rosg a dh’iadhas dlu; Gruaidhean mar an caoran, Fo ’n aodann tha leam ciuin; Aidicheam le eibhneas Gun d’ thug mi fein duit run; ’S gur bliadhna leam gach la O’n uair a dh’fhag mi thu. Theireadh iad ma ’n d’ fhalbh mi uat, Gu ’m bu shearbh leam dol ad choir Gu ’n do chuir mi cul riut, ’S gun dhiult mi dhuit mo phog. Na cuireadh sid ort curam, A ruin, na creid an sgleo; Tha d’ anail leam ni’s cubhraidh, Na’n driuchd air bharr an fheoir. S’e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn air son droch stamag. Leighsidh Minard’s Liniment losgidhean. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear ionaid. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 25] [Vol. 2. No. 4. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 22, 1893. No. 4. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Mharbh sgalag da’n ainm Romborger a mhuinntir South Dakota, a mhaighstir, a bhean, ’s an ceathrar chloinne, agus an sin theich e gu Manitoba an duil baile-didean a dheth. Ach cha robh e fada air fonn Chanada nuair a ghlacadh e, ’s chaidh a chuir air ais do’n ait as an danig e, gu bhi an sin air fheuchinn leis an lagh. Tha ’n Lewis H. Giles, an soitheach-iasgich Geancach a chaidh a ghlacadh o chionn corr us mios air son a bhi ’g iasgach ro fhasg air tir, a nis air a leigeil ma sgaiol an deigh dhi da mhile ’s coig ceud dolair a phaigheadh mar chain. Tha e air a radh gu robh de rionnach air bord nuair a chaidh a gleacadh na phaigheadh a chain us corr. Chan eil dad a dol air adhart an drasd ach pic-nics us gnothichean dhe’n t-seorsa sin. Bha cruinneachadh mor ’s na h-Eileanen Dearga Di-mairt, cruinneachadh eile aig Hogomah Di-ciadinn, agus aon aig Mira air an latha cheudna. Chaidh dhaibh gle mhath aig na h-Eileanan Dearga ’s aig Hogomah, ach thanig an t-uisge orra aig Mira ’s rinn e milleadh mor. Chan eil cion uisge air Ceap Breatuinn o chionn seachdain no dha. An deigh tiormachd mhor, thanig na frasan ris am robh gach aon ag amharc air son an talamh thartmhor a shasuchadh, agus rinn iad an obair gu math. Tha ’m feur ’s am barr a togail orra gu math, agus tha h-uile dochas gu’m bi deagh bhuain ann. Tha ’m buntata mar an ceudna gle ghealltanach. Tha ’n rabhadh a leanas air a thoirt le duine anns a Ghearmailt ann an aon de na paipearan-naigheachd. “Tha mo bhean-sa, Mairi Anna Mackerle air chall orm, no ma dh-fhaoidte air a goid. Daine sam bith a bheir air ais do’m ionnsidh i, tha mi gealltinn dha a cheam a bhristeadh, air son a sheirbheis. Agus a thaobh toirt bathair dhi, tha lan choir aig ceanniche sam bith air sin a dheanamh, ach cha do phaigh mise mo chuid fhiachan fhein riamh, agus tha mi lan chreidsinn nach mo a phaigheas mi fiachan mo mhna.” Thanig soitheach gu Quebec air an t-seachdain sa chaidh, air tilleadh a ceann a deas America, agus chuir na h-oifigich oirre fios gu tir, gu’n do dh-eug an caiptean, a mhac, agus an stiubhard, leis an fhiabhrus bhuidhe, air an turus. Tha ’n soitheach air a cumail aig eilean Ghrosse gus am faicear am bheil i gu buileach cuibhteas an galair. Bha eaglis ur Chleireachail air a fosgladh am Baile-nan-Gall, air a cheud shabaid de’n mhios. Bha i air a fosgladh leis am Urr. Mr. Drummond, Mr. Friseal, us Mr Sterling. Tha ’n eaglis air a criochnachadh a muigh ’sa stigh, ’s aiteachan suidhe do cheithir ceud gu leth innte. ’Si aon de na h-eaglisean a’s briagha tha ’n Ceap Breatuinn. Bha i air a togail le Mr. Domhnull Mac Aonghais, an saor a thog a chuid is mo dhe na tha dh-eaglisean air an eilean. Tha e coltach gu bheil an rathad-iarinn eadar Orangedale us Broad Cove a dol air adhart gun teagamh sam bith. ’San am a chaidh seachad, bhatar a bruidhinn air an rathad so ’s ga ghealltinn cho tric ’s gu bheil e gle dhoirbh le daone chreidsinn gu bheil e gu bhi air oibreachadh air an am so. Ach ’san latha ’n diugh, cha n-eil fhios de dh-fhaodas tachairt. Tha sinn an dochas gu’n teid an rathad air adhart, oir bhiodh e gle fheumail do Shiorramachd Inbhirnis agus do’n eilean air fad. Ann an New York, an la roimhe, bha duine air a chuir do’n lagh le dithis d’a choimhearsnich air son e bhi ’cumail coileach aig an robh mar chleachdadh a bhi gairm cho trath sa mhadinn, ’s nach robh duine beo mu’n cuairt a b’urrinn cadal leis, ach am fear leis ’m bu leis e, agus bha esan bodhar. Mhionnich am fear sin gu robh guth a choilich cho binn ri guth calmain. Thug iad an coileach a lathair feuch an robh dad aige ri radh air a shon fein, agus cha b’fhada gus ’n do thog e a ghuth gu h-ard mar fhianis an aghaidh a mhaighstir. Leig e as sgriach cho cruaidh ’s cho fada ’s gum b’fheudar do gach duine bha ’n tigh na curtach a lamhan a chur ’na chluasan, agus nuair a smaoinich e air stad, thug am breitheamh a mach binn bais air, agus chuir e cain air a mhaighstir. [TD 26] [Vol. 2. No. 4. p. 2] MAC FIR A’ CHOIRE. AS AN “EILEANACH.” Dh’fhalbh e nunn gu cul Doire-nan-smeur an uair a dhorchaich an oidhche, agus rudan aige air am bheil sinne gle eolach ’an Glascho am bliadhna, ged nach facas, ’sa’ Choire Ghorm riamh roimhe iad, ’se sin Baloons de phaipeir glas. Leig e fear dhiubh sin a suas anns na speuran agus driamlach de theine slaodadh ris. Bha cho math ri seachd no h-ochd de thighean ’an Doire-nan-smeur, agus gun a h-aon dhiubh fad bho cheile, agus an uair a chunnaic na daoine an t-uamhas ud a’ snamh a nall os an cionn gun teagamh cha b’ urrainn dad eile ’bhi ann ach dreag. Bha Fionnladh a’ chubair cho lan de na gisreagan ’s a bha ’shean mhathair, agus bha sin lan gu leoir; an uair a fhuair e aon sealladh dheth dh’ fhalbh e a stigh, agus cha robh ’s a’ bhaile na bheireadh a mach a rithist e. “Cha ’n ’eil gnothach aige rium, agus cha ’n ’eil gnothach agam ris;” ars’ esan. “Cha’n eil fhios co dha bhuineas so?” ars’ Alasdair Mor. “Cha ’n ’eil dreag ach aig fear fearainn saor,” ars’ Dhomhnull Ban, “agus cha ’n ’eil mu ’n cuairt so dhiubh ach Fear a’ Choire!” “Ud, ud!” ars ’Alasdair, “cha bu mhath leinn sin; mar a bha am fear eile ’g radh ri Murcha Mor, ‘Ma ’s tu a’s miosa ’chunnaic sinn, is tu a’s fearr a chi sinn.’” Bha bean Chaluim thaillear a mach am measg na cuideachd a’ gabhail seallaidh air an dreag, agus bho ’n a bu ni e nach robh ri fhaicinn a h-uile latha ghabh i a stigh g’a innseadh do Chalum, los gu ’m faigheadh e lan a shul dheth cho math ri feadhainn eile, agus thubhairt i ’s i dol a a stigh, “Thig a mach ’s gu’m faic thu an dreag!” “Cluinnidh mi sin ’s fuaighidh mi so, mar a thubhairt am fear a bha ris an fhaire-chlaidh,” arsa Calum; “C’aite am bheil e?” “Tha e nunn os cionn Bealach nan sgolb!” “Ciod e an taobh a tha ’ghaoth?” “Tha am beagan a th’ ann dhith bho ’n iar thuath.” “Cha chreid mi fhein gu ’m bheil ann ach dreag a tha falbh air saut, cha’n ’eil e ach a’ falbh leis a’ ghaoth” arsa Calum. “Nach ’eil eagal ort o bhi bruidhinn air an doigh sin?” ars’ a bhean, “Thig a mach ’s gu ’m faic thu e!” Dh’eirich Calum agus chaidh e mach air ceannaibh a stocainean, ’s bha e gabhail beachd air an rud a bh’ ann. Bha a bhean ’n a seasamh laimh ris agus a lamh air a ghualainn, agus thubhairt i an cagar ’n a chluais, “Tha iad ag radh gur e dreag Fir a’ Choire th’ ann!” “’S e” arsa Calum, “air neo pairt a dh’innleachdan Eachainn a mhic!” “An uair a bheir iad Fear a’ Choire air falbh air na lonnan cha’n ann a nunn thar Bealach nan sgolb a bheir iad e!” agus le sin a radh dh’fhalbh e a stigh agus thoisich e air fuaghal osan na briogaise cubhrainne ri solus coinnle, mar a bha e roimhe. An la ’r na mhaireach bha an luchd-oibre aig Fear a’ Choire mach air achadh bhuana agus an t-airean air an ceann. An uair a thoisich am feasgar air dluthachadh riutha, bha an t-airean, agus e air sansas fhaotainn roimh lamh bho Eachann, a’ cumail a shuil’ san t-soirbheas a bha tighinn air o bharr na coille. Bha Eachann thall an sud agus builg de phaipeir glas aige, agus an uair a sheideadh e na builg ud leis an stuth a bha e ’cur annta, ghabhadh iad cumadh duine no cumadh beathaich mar a mhiannaicheadh e, ach ’se cumadh mairt a chuir e suas air an fheasgar so. An uair a chunnaic an t-airean an rud a bha suil aige ris, thubhairt e ris an fheadhainn a bha mu’n cuairt air, “Ciod e an t-eun mor a tha thall os ceann na Coille-bige an sud?” “B’e an t-eun mor gu dearbh e,” arsa cuid-eigin. “Ma ta,” ars’ Alasdair mor, “Co dhiubh ’s ann a thaobh an t-saoghail so na nach ann, ’se mart odhar a tha ’n sin.” Bha Fionnladh a’ chubair ’na sheasamh agus sguab anns gach achlais aige, agus e sealltuinn gu geur air an rud a bh’ ann agus a chruth ag atharrachadh mar bu tinne bha sud a tighinn air. “Tha an sin,” ars esan, “am mart odhar agamsa.” “Ma ta ma ’s i,” ars’ an t-airean, “’se Colasadh tha ’n a beachd an nochd!” “O, nach ann as a thainig e seana-mhathair!” arsa Fionnladh ’se tilgeadh bhuaith nan sguab ’s a’ toirt an tighe aire. A nis bha gu leoir air an achadh nach robh cho deas ri Fionnladh gus a h-uile rud a chitheadh iad nach tuigeadh iad a chur air gnothach mi-nadurra, a dh’ aidicheadh an deigh laimh gu ’n robh iad ’an imcheist mu’n gnothach a bh’ ann. Dh’fhaodadh tu sealltuinn air a chulthaobh no air a bheulthaobh, cha b’ urrainn duit a radh nach robh e fior choltach ri mart odhar ’s i falbh anns na speuran gun sgiathan; agus mur an robh sin neonach, b’iongantach an gnothach e. An uair a rainig Fionnladh an tigh, thubhairt a bhean, “Stad sibh trath an nochd?” “Cha do stad cach ged a stad mise,” arsa Fionnladh. “Tha,” ars’ esan, “am mart air falbh anns na speuran air sgiathan!” “Chunnaic mise da rud dheug cho iongantach ’s ged a dh’fhalbhadh tu fhein air sgiathan lath-eigin mur a stad thu dheth ’d ghisreagan!” “Falbh a nunn a dh’ ionnsaidh an achaidh ud thall,” ars’ esan, “agus chi thu gu’m bheil daoine eile cho gisreagach A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1883. [TD 27] [Vol. 2. No. 4. p. 3] Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Tha aireamh d’ar leubhadairean a cheana gabhail Irisleabhar na Gaedhilge, a th’air a chur a mach leis an Urr. E. O’ Growney. (Maynooth College, Kildare, Ireland). Tha e na shar phaipear, ’s chan eil coire aginn air ach cho ainmig sa tha e tighinn, coig uairean ’sa bhliadhna. Ach ’nuair a thig e bheir e moran fiosrachidh seachad air gach ni a bhuinsas do dh-Eirinn ’s do dh-Alba. Agus chan eil uair a thig e nach bi facal blath misneachail aige mu’n MHAC-TALLA. Tha ’n Scottish Canadian air a chur a mach gach seachdain ann an Toronto. Gheibhear ann moran de naigheachdan na Seann Ducha, agus sgeulachdan eibhinn mu nithean a thachir an Alba ’san “tim a bh’ann o chian.” Tha cuibhrionn de Ghailig ann daonnan, agus tha e gle fhurasda thuigsinn gur a Gaidheal am fear deasachidh, oir tha baigh mhor aige ri “tir nam beann ’s nan gleann ’s nan gaisgeach.” Is paipear e bu choir a bhi gle mheasail aig sliochd na h-Alba air fad, Gaidhil us Goill. Tha ’n Celtic Monthly a tighinn thuginn a h-uile mios. Tha e air a chur a mach uair ’sa mhios agus is math a’s fhiach e a phris a tha air iarridh air, ceithir tasdain ’sa bhliadhna. Ged nach eil fhathast bliadhna bho’n thanig a cheud aireamh a mach, tha aireamh mhor de luchd-leubhidh aige cheana, agus tha ’n aireamh a sior dhol a meud. Tha anns gach aireamh dhe’n phaipear ghasda so dealbhan Ghaidhil a tha comharrichte air son litreachis no air son sgil us tapachd an mithean eile. Mar bu choir, thugadh a cheud aite ’sa cheud aireamh do dhealbh Neill ’Ic Leoid, bard cho binn ’s cho Gaidhealach ’sa sheinn duanag riamh. Gheibhear am paipear so leis an airgiod a chuir gu Mr. John MacKay, 17 Dundas Street, Kingston, Glasgow, Scotland. Tha ’n Gaodhal air a chuir a mach am Brooklyn, N. Y., uair ’sa mhios, agus tha e ’togail a ghuth gu h-ard as leth Gailig na h-Eirinn. Tha roinn mhath de Bheurla ann, ach tha ’n t-aite ’s urramiche air a thoirt de chanain fein. Fhuair sinn litir chaoimhneil bho’n fhear deasachidh o chionn ghoirid, a guidhe soirbheachadh leis a MHAC-TALLA, ’s ag radh gu robh esan a dol dheanamh na b’ urrinn da gus a chuideachadh. ’S fhich an Gaodhal dolar sa ’bhliadhna. Nam biodh aon da’r luchd leubhidh toileach a ghabhail, gheibh iad e aig 814 Pacific St. Brooklyn, N. Y. Tha e soirbh gu leor ri leubhadh do dhuine leubhas Gailig Alba, ’sa mi beagan cnuasachidh air na litrichean Eirionnach. Tha Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. riumsa. Cha chreid mi gu’m bheil an da shealladh agamsa na’s mo na aca fhein!” Bha fios aig a’ bhoirionnach choir gle mhath gu’n robh a fear-posda rud beag lag-inntinneach mu na gnothaichean sin, agus a bhar air sin bha fios aice gu’m biodh daoine eile a’ cluich air an laigse so a bha an ceangal ris. Ach bha fios aice nach deanadh i gnothaichean dad na b’fhearr le dol a thoirt an aghaidh orra air a shon. Dh’fhalbh i mach, cha b’ann far ann robh an fheadhainn a bh’ air an achadh, ach a dh’fheuchainn am faiceadh i am mart. Dhirich i ris a’ bhruthach agus chunnaic i an crodh eile tighinn dachaidh gu socrach ach cha robh am mart aice fein ri fhaicinn. Dh’fharraid i de’n bhuachaille am fac e i. “Cha’n fhac,” ars an dearg shlaoightear, agus e fein a reir ordugh Eachainn an deigh a saodachadh air falbh comhla ris a’ chrodh sheasg. Dh’fhalbh a bhean ris a’ mhonadh ach dh’fhuirich Fionnlabh a stigh a’ gur na griosaich, agus an uair a thainig a choimhearsnaich dhachaidh, b’fhiadhaich na h-ursgeulan a bha dol an sin; a h-uile fear a’ toirt barr air an fhear eile ag innseadh nan nithean iongantach a chunnaic e fein, agus bu shuarach na chunnic e fein seach na chunnaic ’athair agus a shean-athair. Cha b’fhada ’dh’fhuirich am mart odhar aig Fionnladh comhla ris a’ chrodh sheasg; ’s math a b’ aithne dhi fhein an rathad dhachaidh, agus cha d’ thug duine an aire dhith gus an d’ thug i langan aisde aig bealach a’ gharaidh. ’S math a dh’aithnich Fionnladh geum a mhairt ’s a mach ghabh e, ’s a h-uile duine a bha stigh as a dheigh. “Fuirich thusa mar a th’ agad” ars’ esan ris a’ mhart, agus thug e earail laidir air na daoine gun iad a dh’fhosgladh na cachlaidh gus an tigeadh esan air ais, agus thug e fein a chasan as cho luath ’sa b’urrainn da, gu Tigh a’ Choire, gu Eachann a thoirt a nuas leis a ghunna ’s gu’n cuireadh e urchair rithe: agus ’n uair a bha e suas gu Tigh a’ Choire, co bha nuas ’na choinneamh ach Fear a’ Choire e fhein! Thug Fionnladh oidhirp air a lamh a chur ’n a bhoineid do’n duin’ uasal, ach fhuair e mach an sin air son na ceud uaire nach robh boineid idir air, agus cha d’ rinn e ach slaodadh a thoirt air an dosan. (Ri Leantuinn.) ’M BHEIL CEANN-GOIRT ORT? Leighsidh B. B. B., ceann-goirt, oir tha e tighinn bho dhroch-stamag, ’s bho thiemeas a ghruain, agus tha B. B. B. a glanadh ’sa riaghileachadh na fala agus mar sin a deanamh feum do’n chorp uile. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. [TD 28] [Vol. 2. No. 4. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE IULAIDH 22, 1893. Tha Sasuinn ’s an Fhraing a sior fhulaig leis an tiormachd, agus cha n-eil duchannan eile ’san Roinn Eorpa saor bhuaithe. Tha ’n t-side an deigh caran neonach a chuir air an t-samhradh so, aiteachan a bh’ abhist a bhi pailt gu leor de dh-uisge air an tiormachadh suas, agus aiteachan a b’abhist a bhi tioram, teth, air an cur fodha le uisge. Bha iorghail mhor air an t-seachdain s’a chaidh am Paris, ceanna-bhaile na Frainge, a lean tri no ceithir laithean. Bha ’n upraid ’san t-sabaid cho dona aig aon am ’s gu’m b’fheudar an armailt each a ghairm a mach, maille ri deich mile fichead de na saighdearan coise, gus an sluagh a cheannsachadh. Tha eagal mor air cuid nach eil an iorghail ach a toiseachadh. Tha aimhreit an drasd eadar an Fhraing us Siam, duthich bheag air taobh a deas Asia. Bha na Frangich air son longan-cogidh a chur suas air Abhinn Meinam, cha n-eil e air innse car son, ach cha n-fhaodadh iad a dheanamh aig righ na ducha. Ghabh iad am bacail cho dona ’s gu bheil iad a bruidhinn air dol a chogadh, ach ’se ’s docha gun leig iad seachad e am beagan uine. Tha an Fhraing ’ga faicinn fein a dol air deireadh air rioghachdan eile ’s an Roinn Eorpa, agus tha e cur tamailt mhor oirre. B’fhior thoigh leatha droch dhochann a dheanamh air Breatuinn no air a Ghearmailt, na faigheadh i aobhar math dhaibh ’s gun saoileadh i gun deanadh i ’n gnothach orra, ach o nach eil dochas sam bith aice ri sin, feuchidh i ris gach upraid a’s urrinn di a dheanamh an cearnan eile de’n t-saoghal; ach mar a’s trice bidh a maoidheadh na’s mo na a buille. Cha n-eil ni ann an diugh is graineile na bhi leubhadh mu dheibhinn cho beag suim ’sa tha de bheatha dhaoine ann an cearnan de na Staitean. Cha n-eil seachdain a dol seachad gun sinn a chluinntinn mu neach eigin a bhi air a chur a dhith gun lagh no ceartas a ghabhail ris, agus gle thric tha esan a th’air a chur gu bas neo-chiontach. Air an t-seachdain sa chaidh, fhuair sinn cunntas air duine dubh a chaidh a losgadh gu bas air son gniomh dhe nach robh e ciontach idir. Tha gamhlas cho mor aig na daoine geala ris na daoine dubha ’sna Staitean a Deas, ’s nach eil a chuid a’s mo dhiubh a dol a stad aig lagh no reusan ann an deanamh dioghltas. Tha lan am aig Riaghladh nan Staitean ni-eigin a dheanamh gu stad a chuir air an obair bhruidheil so. Cha n eil duthich eile an America no ’san Roinn-Eorpa a cheadicheadh a leithid de dhol air-adhart, gun ionnsidh a thoirt air casg a chuir oirre. Tha Ard Chomhairle Frith nam Fiadh an deigh an obair a chriochnachadh aig an am so, cho fad s’a tha rannsachadh na ducha ’sa ceasnachadh fhianuisean a dol. Ged a rinn an Ard-Chomhairle obair mhath am a bhi dearbhadh, a dh-aindeoin de theireadh na h-uachdarain, gu bheil moran fearinn fo fheidh ’s fodh shealg a bha aon uair, agus bu choir a bhi fhathast, air aiteachadh le daoine, gidheadh tha na croitearan ’s an cairdean a gearain, ’s a reir coltais tha na h-aobhir aca. Tha ’n Scottish Highlander, paipear a tha ghnath baigheil ris na croitearan, ag radh gu robh, aig gach coinneamh a bh’aig an Ard-chomhairle, lan cothrom air a thoirt do na tighearan fearinn ’s do ’n cuid factoran air gach ni a b’urrinn daibh a radh, co dhiu a bha e chum feum no nach robh, agus gu faodadh iad na croitearan ’s an cairdean a bha ’g obair air an taobh, a cheasnachadh ’s ath-cheasnachadh mar a thogradh iad fein. Ach bha na daoine bochda air an greidheadh air doigh eile. Nuair a rachadh iad a labhirt air an son fein, gheibheadh iad aithne bho’n t-Siorram iad a bhi cho sgiobalta ’sa b’urrinn daibh. Tha Mr. Domhnull Mac Rath. (Bail-Ailein) a leantuinn na h-Ard-Chomhairle ’s gach aite as leth nan croitearan, agus tha Mr Alasdir Mac Coinnich gu tric a lathir ’sa togail a ghuth air an taobh, ach air uairsan chan fhaigh fear seach fear dhiubh eisdeachd, no ma gheibh, feumidh iad am briathran a dheanamh cho gann ’s nach mor is fheaird iad an cothrom labhirt. Ach tha iad ann an duthich anns nach leigeir leotha dhol air adhart mar sin ro fhada gun a bhi air an toirt gu tacus. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.00 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 29] [Vol. 2. No. 4. p. 5] MAC ASGUILL MOR. Tha chuid a’s mo d’ar luchd-leughidh eolach air a bhi cluinntinn mu Mhac Asguill Mor bho laithean an oige. Tha cuid dhiubh eadhon a chuinnic e, ’s cuid a bha gle eolach air gu pearsanta. Air iarrtus caraide, agus air son fiosrachadh na muinntir nach cuala bheag mu dheibhinn, tha sinn a toirt cunntas ath-ghearr air a bheatha, mar a bha e air a sgriobhadh le Mr. Domhnull Mac Leoid, Munro’s Point. Bha Aonghas Mac Asguill, no Mac Asguill Mor a fuireach air taobh tuath acarsaid St. Ann’s, mu dha mhile bho mo dhachidh-sa. Bha m’ athair gle eolach air; bha iad gu tric ag iasgach cuideachd aig Acarsaid Neill, nuair a bha iad ’nan gillean. Bhuaithe-san agus bho na coimhearsnich fhuair mi na th’ agam de dh-fhiosrachadh mu ’n duin’ iomraiteach so. B’e ’n t-iasgach an obair bu bhitheanta bhiodh aig daoine ’n aite so aig an am ud, agus na oige lean Aonghas mar an ceudna an obair sin maille ri athair ’s ri bhraithrean. Bu dhuine gle bheag athair, ach bha e gle laidir dhe mheudachd, agus bha m-athair rud-eigin mas airde na ’n cumantas. Rugadh iad le cheile air Eilean Leodhais, agus ’sann an sin mar an ceudna a rugadh am mac air a bheil mise toirt iomradh. Bha coignear mhac eile aca, agus dithis nighean, ’s bha iad uile de neart ’s de mheudachd chuimseach. Tha chuid a’s mo dhiubh beo fhathast. Gus an robh e sia bliadhna deug a dh-aois cha robh e fas air dhoigh neo-abhaisteach na neart no na mheudachd, ach an deigh sin thugadh fa near gu robh e fas gu bras, ’s gu robh e anabarrachs laidir. Bha e gle chiuin na nadar agus car lunndach na ghluasad, agus cha chuireadh e a neart an ceill gus am biodh a nadar air a dhusgadh. Bha e seachd troidhean us naoidh oirlich a dh-airde, agus b’fheudar da athair lobhta ’n taighe a thogail traidh no dha gus cothrom a thoirt dha air coiseachd a stigh gun a cheann a chromadh. Chunna mise cota, botuinn, agus nithean eile a bh’aige, ’s a tha air gleidheach gu curamach le bhraithrean. Dh-fheuch mi an cot umam, agus ’nuair nach b’urrinn domh a lionadh no faisg air, dh-iarr mi air dithis eile dhol comhlath rium, agus dhuin e umainn gun strith sam bith. Bha a bhotuinn ochd oirlich dheug a dh-fhad, agus rachadh agam air mo dha chois a chur innte gu soirbh. Ged a bha e cho mor so, cha n-itheadh e barrachd air duin’ eile. Chithear o na leanas gu robh e eadhon na oige anabarrach laidir. Bha e aon latha a treabhach le paidhir de dhaimh oga, agus dh-fhas iad gu math leisg air mu’n d’ thanig am feasgar, ’s bha iad ag iarridh moran greasaidh. Mu dheireadh ghabh e an fhearg, leig e as na daimh, rug e air an t-slabhridh e fein, ’s dh-iarr e air athair breth air a chrann, agus thoisich e air obair ’s chriochnich e ’n treabhadh romh bheul na h-oidhche. Aig am eile bha dithis dhaoine a feuchinn ri bata lan truisg a thoirt gu tir agus bha e fairtleachadh orra. Thanig Mac Asguill Mor an rathad. Thuirt e ris na daoine ’dhol fear air gach taobh dhe’n bhata agus a chumail comhnard ’s gun toireadh esan gu tir e. Ghabh e gu toiseach a bhata agus thug e aon draghadh air a toirt leis toiseach a bhata na laimh. Air uair eile, bha e tighinn gu tir le bata, agus bha na tuinn cho laidir ’s gun deachidh am bata thairis gle fhaisg air a chladach. Thoisich na gillean a bha air talamh tioram ri farraid a dheanamh air, ag radh gu robh a leor aig a Ghille Mhor ri dheanamh a nis, ach bu mhor an ioghnadh nuair a chunnic iad an Gille Mor a togail a bhat air a ghuallainn ’sa coiseachd gu tir leis, agus an sin a dol direach gu creig mhoir a bha faisg air laimh ’sa stracadh a bhata rithe gus an robh e na mhirean beaga, ag radh nach rachadh e cho faisg sid air duine bhathadh am feasda tuilleadh. An deigh so bha e uair eile le damh a toirt dhachidh craobh mhor bheatha gu connadh a dheanamh dhi; bha an damh aona chuid tuilleadh us rag gus a chraobh a thairuing, meo cha b’urrinn da. Dh-fhas Aonghas car crosta agus chuir e a chraobh air a ghuallainn ’s thug e dhachidh i. Beagan uine an deigh sin thanig Frangach a Cheticamp gus a dhol a shabaid ri Mac Asguill. Bha e gle mhor as fhein, agus bha lan dhuil aige gun toireadh e am fear eile gu striochdadh. Am feasgar a bha aca ri sabaid, rug iad air laimh air a cheile, agus fhuair lamh an Fhrangich fasgadh cho dona, ’s gum b’fheudar dha pairt dhe shaoghal an deigh sin a chur seachad ann an ospidal, a feuchinn ri mheoirean briste fhaighinn air an slanachadh. Air latha eile thanig e nall a cheannach nithean araidh bho Mhr. Munroe, a bha ’n uair sin ri ceannachd air an aite ’tha ’n diugh aig m’ athair. Bha Munroe na dhuine mor laidir, ’s na shar ghleachdair, agus bha e gle dheonach air neart ’Ic Asguill fheuchinn. An deigh moran tataidh dh-aontich Mac Asguill a dhol ris, agus mun robh fhios aig an fhear eile c’aite ’n robh e, bha e air a thilgeadh gu ceann thall an taighe a measg bharailtean us bhocsichean. Bha Munroe ag innse an deigh sin gu robh cnapan air a chliathichean far an d’ rug e air. (Ri Leantuinn.) GHLEIDH E ’BHEATHA.—Molidh mise Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry, oir ghleidh a mo bheatha dhomh nuair a bha mi mu shia miosan a dh-aois. Tha mi nise ceithir bliadhna deug a dh-aois. FRANCIS WALSH, Delkeith, Ont. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 30] [Vol. 2. No. 4. p. 6] MAISE NACH SEARG. Nach maiseach ciuin ’tha ’n ros a’ fas, ’S a bhilean tlath fodh ’n driuchd, A’ ghrian ’g a altrum suas le baigh, ’S a’ dearrsadh air a ghnuis! Nach maiseach min na milltean blath ’Tha ’barcadh suas bho ’n uir, A’ sgeadachadh gach cluain ’us blar Le ailleachd agus muirn! Ach seargaidh iad air falbh mu seach, ’N uair ’thig an geamhradh fuar; Caillidh gach cluain ’us blath an dreach, ’S caidlidh gach lus ’n an suain; Sin mar a thachras do gach neach A dh’ aindeoin mais’ ’us uaill, Mar sgaile caochlaidh iad air fad Fo ghlasan fuar na h-uaigh. Na luchairtean a ’s airde gloir, Tuitidh iad sios gu lar, Na prionnsachan ’s na daoine mor, Cha bhuain’ iad sin na cach; An ionmhas airgid agus oir Cha dion iad uair bho’n bhas, ’S an uair a chrionas iad fodh ’n fhod ’S co-ionnan righ ’us traill. Nach lionmhor innleachd agus doigh, ’Tha daoine ’cur an ceill A’ tional airgid agus oir, ’S ’g an storadh suas le speis? Gach cath ’us stri ’tha ’m measg an t-sloigh An toir air gloir dhoibh fein, A sheargas as mar bhlath an fheoir, ’S an gloir cha mhair ’n an deigh. Ach ma gheibh thusa tuigse ’s ciall, Bidh agad oighreachd bhuan; Sin seudan a bha maiseach riamh, ’S nach caill gu brath an luach; Ni ’n comhairlean a ghnath do dhion, ’S le rian do chumail suas, Bidh sith ’us toradh na do ghniomh, ’S cha bhi do chrioch gun duais. Na bac do lamh ’s na druid do chluas Ri amhghair chruaidh nam bochd, Bi baigheil ris gach deoiridh truagh ’Tha iomadh uair fo sprochd; An duine borb gun iochd gun truas, ’Tha deanamh uaill ’n a stoc, ’Na shaibhreas cha bhi beannachd bhuan, ’Us gheibh e duais a lochd. Gach ni tha cliuiteach agus ard Dean dichioll air a shealbh; Mar lochran laiste suas le gradh Biodh t-imeachd glan gun chealg; Le eolas ceart biodh t-anam lan, ’S do ghniomharan gun chearb, Sin agad ionmhasan nach traigh, ’S maise gu brath nach searg. A DHAOIN UAISLE,—Bha mi air mo leigheas le tri botuill de B. B. B., an deigh dhomh bhi fada tinn le cion cnamhidh bidh, agus chomharlichean dhaibh-san air am bheil an tinneas ceudna B. B. B. fhiachinn. Anns an am a chaidh seachad bha sealltinn sios mor aig na Gaidhil air na taillearan. Ged is i ’n taillearachd ceaird a’s sine th’air an t-saoghal, agus ged a tha i na ceaird cho feumail ’sa th’ann an diugh, gidheadh cha robh i ’na ceaird mheasail idir ’sna linnean a dh-fhalbh. Gu so a dhearbhadh cha n-eil aginn ach a thoirt fa near rann a bhiodh aig na seana Ghaidhil m’an timchioll.— “Cha bu duine taillear, ’S cha bu duine dha dhiubh; Chuireadh am fitheach le creig Tri fichead ’sa dha dhiubh.” Gu fortanach tha ’n saoghal agus daoine an deigh atharrachadh, agus chan eil muinntir ’n la ’n diugh a sealltinn sios air fear-ceairde sam bith, ma tha e ’deanamh a bheolaind air dhoigh onarich. Tha ’m fear a tha toirt a theachd-an-tir as an t-snathaid a cheart cho measail ri duine tha tigh’nn beo air doigh eile. Cha n-i ceaird duine a tha dol ’ga dheanamh measail no mi-mheasail, ach a ghluasad ’sa dheanadas fein. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Leighsidh Minard’s Liniment cannabhrist. Tha Dotairean ag radh nach dig Cholera ’nad choir ma bhios do stamag glan. Glanidh K. D. C do stamag ’s cumidh e air falbh an Cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Donghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 31] [Vol. 2. No. 4. p. 7] Eadar-Theangachadh bho “Utopia.” LE CABAR-FEIDH. Mar so chuir mi fo ’r comhair, cho poncail ’s a b’urrainn mi, mar a bha a chomh-fhlaitheachd sin air a deanamh suas, comh-fhlaitheachd a tha na mo bheachdsa cha’n e mhain an t-aon a ’s fhearr a th ’anns an t-saoghal ach gu dearbh an aon te a tha darireadh a toilltinn an ainm sin. Anns gach aite eile chithear ged a tha sluagh a bruidhinn mu dheighinn comh-fhlaitheachd gur ann a tha na h-uile duine air toir a fhlaitheachd (no a shaibhreas) fein a mhain; ach an sud, far nach eil maoin aig duine sam bith dha fein, tha na h-uile duine gu h-eudmhor ag ’iarraidh maith a mhor-shluaigh; agus gu firinneach cha’n eil e iongantach daoine fhaicinn ag oibreachadh air doigh cho eadar-dhealaichte bho dhaoine eile, oir ann an comh-fhlaitheachdan eile tha fios aig gach duine mur ullaich e air a shon fein, ge be cho soirbheachal ’s a dh’fhaodas a chomh-fhlaitheachd a bhi, gu’m feum e basachadh leis an acras, air doigh ’s gu’m beil e faicinn cho neo-sheachanta ’s a tha e dha a ghnothaichean fein a chuir air toiseach air gnothaichean a mhor-shluaigh, ach ann an “Utopia” for am beil coir aig gach duine air gach ni ta’ innte, tha fios ac’ uile ma theid aire thoirt air an ionmhas choitchionn a chumail lan nach urrainn easbhuidh a thighinn air aon duine sam bith, oir nam measga tha gach ni air a roinn gu h-ionann air dhoigh ’s nach eil duine sam bith bochd no naach sam bith ann an eigin agus ged nach eil ni air bith aig duine air bith gidheabh tha iad uile beartach ri caitheadh-beatha ciuin agus suilbhir, saor bho iomagain, gun a bhi aon chuid a gabhail eagal a uireasbhuidh e fein no air a bhuaireadh le gearanaibh neo-chrochnach a mhna? Cha n’ eil eagal air gu’n d’ thig truaighe air a chlann, ni mo tha e deanamh innleachd gu tochradh a chruinneachadh do chuid nighean, ach tha fois-inntinn aige an so gu ’n d’thig e fhein agus a bhean, a chlann agus clann a chloinne gu cia lion ginealach ’s a tha e comasach air smuaineachadh, beo ann am pailteas agus an sonas; a chionn nam measgsa nach eil ni ’s lugha de churam air ghabhail dhiubhsan a bha aig aon uair ri obair ach na dheigh sin a dh’fhas eucomasach air leantuinn rithe, na tha air a ghabhail ann an aitibh eile dhiubhsan a tha fhathast ag obair. Dh’eisdinn gu toileach ri duine sam bith a choimeasadh an ceartas a tha nam measgsan ris a cheartas a tha ’measg chinnich eile; gu’n rachamsa dhith ma tha mi faicinn ann an cinneach sam bith eile ni sam bith air am beil coltas coir no ceartas; oir ciod e ’n ceartas a tha ’n so, gu ’m bitheadh ard-dhuin uasal, or-cheard, fear-malairt airgid, no duine sam bith eile, a tha aon chuid diomhain buileach, no, aig chuid a ’s fhearr, a tha ’deanamh nithean anns nach eil feum sam bith do’n mhor shluagh, beo ann an soghalachd agus ann an greadhnachas air sin a tha air fhaotainn ann an doigh cho olc, agus nach urrainn do dhuine diblidh, cairtear, gobha, no treabhaiche, a tha ’g oibreachadh ni ’s goirte na eadhon na h-ainmhidhean fhein, agus a tha ri oibre cho do-sheachauta ’s nach b’urrainn do chomh-fhlaitheachd sam bith mairsinn re aon bhliadhna as eugmhais, a choisneadh ach teachd-an-tir cho bochd, agus beatha cho truagh a chaitheadh ’s gur mor gur fhearr staid nan ainmhidhean na a staid-sa? Oir ged nach eil na h-ainmhdhiean ag oibreachadh cho bitheanta gidheadh cha mhor nach eil iad air am beathachadh cho math agus le ni ’s mo de thaitneas, agus chaneil ro-churam orra mu’n ni tha ri teachd, nuair a tha na daoine so air an cumail sios (air am mimhisneachadh) le seirbheis thruagh neo-tharbhach agus air an claoidh le eagal gainne na ’n seann aois: bho nach dean na tha iad a faighinn le ’n obair-latha ach an cumail suas aig an am agus a tha e air a chaitheadh mar tha e tighinn a stigh, chan eil an corr air fhagail gu chuir seachad air son seannaois. (Ri Leantuinn.) Thug sinn iomradh air an Irish Echo romhe, agus cha ruig sinn a leas dad a radh mu dheibhinn an drasd, ach bheir sinn d’ar leubhadairean na thuirt e ’sin aireamh mu dheireadh mu MHAC-TALLA. So mar a tha e ’g radh:— Tigeann ann so cugainn gach aon t-seachtmhain paipeur beag luachmhar clobhuailte an Gaodhilig Albann, agus curtha amach ag Ceanntire Breatann, leis an saoi J. G. MacCinnon. Ta an paipeur beag so lan de nuaidheacht gacha seachtmhaine, agus so sgriobhtha an Gaodhailig mhilis na h-Albannach. Chimid artiogail ann o am go h-am sgriobhtha le sgolairidhibh maithe Gaodhailge, agus ni’l aon Eireannach leigheas teanga a thire fein nach d-tuigfeas iad. Deirmid so, do thabhairt le tuigsin nach bhuilf-poinn derfireach idir an da chanamhain. Se ainm an phaipeir so an MAC-TALLA, agus faghthar e ar dollar ’san m-bliadhain. Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. MRS. A. LIVINGSTONE. Lot 5, P. E. I. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh le MINARD’S LINIMENT. IAIN MADDER. Mahone Bay. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois le MINARD’S LINIMENT. JOSUA WYNACHT. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 32] [Vol. 2. No. 4. p. 8] Guth a Framboise. FHIR DHESAICHIDH,—Is mor an toileachadh leam a bhi faicinn MHAC-TALLA dol am meud araon am paipear san leubhadh. Rinn thusa do roinn fein gu ro mhath, bu choir do na Gaidhil a nis an roinn fein dheth dheanamh le cur ga iarraidh. Chan urrainn Gadheal sam bith fiach dolar fhaotuinn na thigh nas fearr na bliadhna den MHAC-TALLA. Tha am barr a coimhead moran nis gealltuiniche an so na bha muinntir an duil a bhitheadh e. Rinn na frasan uisge a thainig o choinn ghorid anabarr feum, s tha mi ’n duil nach bi am barr dad nas fhaide air ais na bha e’n uiridh. Tha moran de’n muintir og air tighinn dhachidh as na Staitean a chur seachad teas an t-samhraidh, Tha iad uile a coimhead gle mhath gun dad a choire ach cho goirid sa tha iad a gealltuin fureach. Ged tha iasgach a lin san dubhain nas fhaide air ais air na cladaichean so na bha e bho chionn bhliadhnichean, gidheadh tha muinntir an aite so air deanamh anabarrach math air iasgach ghiomach air an t-samhradh so, a leigeil fhaicinn dhuine ged tha freasdal a cumail bhuain pairt den iasg gidheadh gu bheil e fosgladh a lamh gu pailt anns a phairt eile. Is mise le durachd, CEANN LIATH. A CATALONE—Thanig triuir bhraithrean, Iain, Domhnull us Alasdir Mac-Ille-Mhaoil, dhachidh o chionn ghoirid an deigh dhaibh a bhi air falbh fad aireamh bhliadhnichean. Bha cheud fhear air falbh o chionn da bhliadhna dheug, ’s chuir e na sia mu dheireadh dhiubh seachad am baile Chicago. Chunnic e moran de ioghnaidhean an t-saoghil aig an fheill mun danig e dhachidh, agus bha e mar an ceudna aig a choinneamh a thug Choinn ’Illeathain do ’n ceann-cinnidh ’sa bhaile sin. Bha ’n dithis eile air falbh, fear fad choig bliadhna deug ’s am fear eile fad dheich bliadhna. Tha sinn gle thoilichte bhi faicinn nan gillean oga ’tighinn dhachidh mar so, ach mar is trice nuair a thig iad cha dean iad ach fuireach gle ghoirid. Tha sinn an dochas co dhiu gun dean iad so fuireach aig an tigh nas fhaide nas abhaist do mhoran a bhi deanamh. Tha rionnag-smuid ri faicinn san athar an drasd. Chunnacas i le glainneachan o chionn ceithir latha deug, ach a nise chithear i leis an t-sul. Tha i deanamh astar math a h-uile latha ’sa h-aghaidh ris an ear-dheas. Tha i mu dheich muillein fichead de mhiltean air falbh. Leighridh Minard’s Liniment Deideadh. Slainte dona Gaidhil Ghasta a phaigheas am MAC-TALLA. So ainmean muinntir a phaigh dolar air a shon gu toiseach Iulaidh, 1894. Uilleam Patterson, Forks Shidni, Seumas Patterson, Glace Bay. Calum Domhnullach, Tarbut, St. Ann’s. Antoni Mac Fhionghain, Big Pond. Micheal Mac Fhionghain, Lakeville. An t-Urr. A. Mac Gillebhrath, an Lios Mor, Pictou, N. S Iain Grannd, Laggan, Ontario. Ruairidh Moireastan, Mac Crimmon P. O., Ont. Iain Domhnullach, Antigonish. Iain Mac Neacail, Oban. Calum Mac ’Iilios, Margaree. D. D. Mac Pharlain, B. C. Chapel, A. N. Mac Faidean, Malagawatch. J. D. Mac Phearsain, Green Marsh, P. E. I. Niall Mac Gilleain, Fourchu. Aonghas Buchanan, Marsh Lake. Niall Mac-Phearsain, Sidni. Alasdir Mathanach, Sidni. Feasgar Diordaoin, air an t-seachdain s’a chaidh, bha stoirm mhor uisge ann an cearna de dh-Eilean Phriunnsa Iomhair Dhoirt an t-uisge cho bras ’s gu robh moran dhe’n fhearann air a chuir fodha, agus bha call mor air a dheairamh air barr. ’S i stoirm cho dona ’sa dh fhairicheadh riamh air an eilean. S’e K. D. C. an leigheas a’s fhear rag tha ri fhaotinn air son droch stamag. Leighsidh Minard’s Liniment losgidhean. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 33] [Vol. 2. No. 5. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 29, 1893. No. 5. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Bha’n t-iasgach gle mhath air an t-samhradh so air taobh ’n ear us taobh tuath New Brunswick. Tha aite ann am mor-roinn Quebec ris an abrar Gaspe, ’s cha do shil boinne uisge o chionn mios. Tha an teas mor, agus tha gach ni a bha fas air a thur mhilleadh. Chaidh Uilleam Ingraham, a mhuinntir Nova Scotia, a mharbhadh eadar da charbad ann an Lunninn, Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’n duil a bhi seoladh dhachidh la no dha an deigh sin. Fhuaras suim mhor airgid na phoca. Air a bhliadhna s’a dh-fhalbh, bha na bu lugha de dheoch laidir air ol an Canada na ’m bliadhna riamh roimhe, a reir aireamh an t-sluaigh. ’S math gu bheil sinn a toirt ceum air adhart a h-uile bliadhna ann an stuamachd, ’s nach ann a toirt ceum air ais. Bha tuathanach am Maskinonge, Quebec, da’n ainm Bastiff a spealladh feoir an la roimhe, agus mharbh e gille beag leis fein, aois cheithir bliadhna, a cur a chinn dheth leis an speal. Bha ’m fear beag ’ga fhalach fhein ’san fhiar, ’s cha robh fhios aig athair gu robh e ann gus an robh e ro anmoch. Thanig bas gle ath-ghearr air Mrs. Oslen, ann a Halifax, feasgar na Sabaid s’a chaidh. Bha i, a reir coltais, cho slan ’sa b’abhist di bhi, agus rinn i deiseil gu dhol do’n eaglis. Air an rathad, thoisich tairneanich us dealanich, agus chuir i roimpe tilleadh dhachidh. Nuair a ranig i ’n tigh, ghearain i gu robh a ceann goirt. Chaidh fios a chuir ar dotair air ball ach mu’n d’ thaing e bha i marbh. Bha coinneamh co-thionail air a cumail ann an Eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so Di-ciadinn s’a chaidh, air son gairm a thoirt do mhinisteir. Dh-aontich an sluagh gu h-aon-ghuthach air gairm a chuir dh-ionnsidh an Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell, P. E. I. Shearmonich Mr. Mac Leoid do’n cho-thional air an t-sabaid mu dheireadh de dh-April, agus thaitinn e gu ro-mhath ris gach neach a bha ’san eisdeachd. Thaghail duine mhuinntir Eilean a Phriunnsa ris an abrar Iain Thompson, am Montreal air a thurus dhachidh as na Staitean a tuath, agus bha da cheud us ceithir fichead dolair de dh-or na phoca. Ach ’nuair a dh-fhag e ’m baile mor sin fhuair e gu robh a h-uile sgilinn dhe air a ghoid, ’s esan air fhagail lom, falamh. Bha bean duine bochd da’n ainm Schrooder, faisg air Ottawa, as a rian o chionn uine mhor, agus b’ fheudar a cur do’n tigh-chaothich an Kingston. Ach an la roimhe co chunnacas a tighinn dh-ionnsidh an taighe ach i, si an deigh coiseachd a h-uile ceum eadar Kingston us Ottawa, sia fichead mile. Tha e coltach gu bheil i aig a tur fhein a rithist. ’S iongatach cho bras sa dh-fhasas bailtean anns na duchannan iar-thuathach. Ged nach eil Winnipeg ach beagan us fichead bliadhna dh-aois, tha cheana deich mile fichead sluaigh ann, agus tha iad a paidheadh da mhuillein dheug thar fhichead de chis gach bliadhna. Tha baile Vancouver ri sail Winnipeg ’s tha aireamh mhor de bhailtean eile tha fas a cheart cho bras. Chaidh bathadh muladach a dheanamh aig River Dennis air an t-seachdamh latha deug dhe’n mhios so. Chaidh gille le Dughall Mac ’Illinnean, aois shia bliadhna deug, a shnamh do’n abhinn, comhla ri gille beag eile, Ruairidh Mac Illinnean. Chaidh e ro fhada mach, agus chaidh am fear eile dh-fheuchinn ri thoirt a cunnart, ach ’s ann a chaidh iad le cheill fodha. Mu dheireadh leig iad as a cheile ’s fhuair Ruairdh rir eigin gu tir, ach chaidh am fear eile bhathadh. Bha brathair dha, aois naoidh bliadhna, air bruaich na h-aibhne ’gan amharc, ach cha b’urrinn dha cuideachadh sam bith a dheanamh leotha. Chaidh a h-uile duine ’sa choimhearsnachd air ball a mach le batichean, ach cha d’fhuaras an corp gu ceann corr us uair. Bha’n gille bochd a chaill a bheatha gle mheasail aig gach aon de na bha eolach air, agus bha e anabarrach tuigseach agus tapaidh dhe aois. ’Se b’ainm dha Iain Donnachadh Mac Illinnean. Be’n toradh aige aon cho mor sa chunnacas riamh san aite. [TD 34] [Vol. 2. No. 5. p. 2] MAC FIR A’ CHOIRE. AS AN “EILEANACH.” “Ciod e so? Ciod e so, Fhionnlaidh?” arsa Fear a’ Choire. “Am bheil dad cearr air duine no air beathach agad?” “Oh nach do thill am mart!” arsa Fionnladh. “Ciod e ’mart?” arsa Fear a’ Choire. Thoisich Fionnladh agus dh’innis e a h-uile car mar a thachair. “Oh Fhionnlaidh, Fhionnlaidh!” arsa Fear a’ Choire, “nach ’eil an t-am agad fas glic? Nach ’eil fios agad nach b’ urrainn ni a bhi an sin ach pairt a dh’ innleachdan Eachainn!” “Ma ta, Fhir a’ Choire” arsa Fionnladh, “tha mi cinnteach gur ann a bhios mi fas gorach gu brath tuilleadh, ach cha ’n fhaca mi riamh duine a chuireadh a nunn no nall mi mu’n rud a chunnaic mi le’ m shuilean fhein. Agus a’ bharrachd air sin, is dona an rud dhuibhse a bhi gabhail oirbh gu ’m bheil sibh a’ creidsinn gu ’m bheil Eachann cho fad air adhart ann an seirbhis an donais ’s gu ’n cuireadh e am mart odhar agamsa air falbh anns na speuran gus an deachaidh i as mo shealladh thar na linne glaise, agus an sin a’ toirt air a h-ais agus a’ cur a geumnaich aig bealach a’ gharaidh, cho nadurra ’s a rinn i riamh anns a’ bheatha so!” Agus le sud a radh, dh’fhalbh e air aghaidh; ach sheas Fearr a’ Choire air meadhon an rathaid mhoir mar gu ’m biodh e feuchainn ri dheanamh a mach co-dhiubh bha Fionnladh air dol thar a bheachd no nach robh; ach cha b’fhada gus am fac e Fionnladh a’ tilleadh, agus Eachann comhla ris agus a ghunna air a ghualainn. Chaidh an dithis seachad air ’s iad na’n ruith, gun uiread agus bruidhinn ris. Cha b’urrainn do ’n t-seann duine choir ruith, ach dh’fhalbh e na’n deigh cho luath ’s a b’ urrainn dha. An uair a rainig na fir far an robh am mart ’n a seasamh, thubhairt Eachann ri Fionnladh nach robh aige ach luaidhe chaol anns a’ ghunna ’s gu ’m feumadh e peileir a chur innte. Leig e an urchair a bha innte anns an adhar agus thug e peileir as a phoca agus shuain e an crioman paipeir e, a’ toirt an aire aig a’ cheart am nach b’e an crioman paipeir ’s an robh am peileir a chaidh ’sa’ ghunna ach crioman paipeir gun pheileir idir. Thog e an sin an gunna ri’ shuil, ach ’am priobadh na sula thuit a lamh ’s an gunna ri ’chliathaich. Thionndaidh e ri Fionnladh agus thubhairt e, “Tha mi faicinn seachd adhaircean oirre.” “Ged a bhiodh seachd deug oirre,” arsa Fionnladh, “cairich rithe a h-uile srad!” Thog Eachann an gunna ri ’shuil a rithist agus loisg e air a’ mhart. Cha d’ rinn am beathach bochd ach a ceann a chrathadh. Thainig Fear a’ Choire ’fhein an sin am measg na cuideachd agus thubhairt esan. “Is fada bho ’n a chuala mi mu chothrom Lachuinn air an reithe, ach tha ’n so againn cothrom Eachainn air a’ mhart! Leig a stigh am mart, Fhionnlaidh, agus tog d’ ad sheann amaideachd!” “Rachadh i stigh no mach,” arsa Fionnladh, “tha mise cuidhte ’s i. Cha teid deur de bhainne na beiste ’am bheul-sa, no ’am beul aon de ’m chuidedchd air an t-saoghal so!” “Ni mi fhein suaip riut,” arsa Fear a’ Choire, ’se a’ deanamh gaire. “Cha robh sibh riamh ’n ar n-eiginn,” arsa Fionnladh, “deanaibh sin fhein, ach reamhraichibh a’ bheist—’se sin ma ghabhas i reamhrachadh—agus cuiribh do Ghlascho i; ithidh muinntir Ghlascho rud ’s am bith.” Thilg Fear a’ Choire an geata fosgailte do ’n mhart agus a stigh dh’ fhalbh i agus thug i am ba-thigh oirre. “C’ ait am bheil a’ bhean ’Fbionniaidh?” arsa Fear a’ Choire. “O, nach ’eil air falbh ag iarraidh a’ mhairt,” arsa Fionnladh. “Ma ta, ma tha,” arsa Fear a’ Choire, “tha ’n t-am agadsa bhi air falbh g’a h-iarraidh-se. Ma theid ise gu speuradaireachd ort, ’s i a’s duilghe dhuit na ’m mart.” “Cha chualas riamh a leithid!” arsa Fionnladh, “cha d’ thainig tubaist riamh ’n a h-aonar air neach: a’ bhean air chall s an oidhche a’ tighinn!”—’s ri bhruthach thug e. Cha robh e fad air falbh an uair a thill a bhean dhachaidh. Dh’fhalbh an sin ceathrar no coignear de ’n oigridh as deigh Fhionnlaidh, a dh’ innseadh dha (ma b’ fhior iad fhein) gu ’n d’ thainig a bhean dhachaidh. Ach ma ’s e sin beachd a bh’ aca an uair a dh’ fhalbh iad, ’s luath dh’ atharraich iad e. An uair a fhuair iad sealladh air ’s ann a thoisich iad air a leantuinn agus air gabhail beachd air, a’ cur nan car dheth air feadh a’ mhonaidh. Bha creag mhor ghruamach ’an taobh thall dheth ris an abradh iad Creag-na-h-uruisg. Theireadh iad gu ’n robh na sithichean a gabhail comhnuidh innte uaireigin, agus tha mi creidsinn gu ’n robh Fionnladh ’s an lan bheachd gu’n robh iad ann fhathast; ach co-dhiu bha no nach robh na sithichean innte, bha Mac-talla innte agus a h-uile uair a ghlaodadh Fionnladh, “Ho Iseabal!” theireadh Mac-talla a bha’n Creag-na-h-uruisg, “Ho Iseabal!” cho math ris fhein. Chaidh e bho choiseachd gu ruith air, gus an robh gu leoir ri dheanamh aig na balaich sealladh a chumail air. Cha robh A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun 1, 1883. [TD 35] [Vol. 2. No. 5. p. 3] Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. boinne falluis a bha tuiteam dheth nach bathadh cuileag; agus anns a h-uile ruith agus leum a bh’ ann ’s e ’thachair gu ’n deach e fodha ann am poll mona gu ruig an da chruachain, agus an uair a rug aon de na h-oganaich air ghualainn air, cha robh mac-talla mu ’n cuairt a’ ghlinne nach do fhreagair do ’n ran a thug e as. (A Chrioch.) Litir a Eilean a Phruinnsa. Tha do charaid “Cabar Feidh” an Lunnainn aig iarraidh fios fhaotainn cia mar tha Ghaidhlic air a cumail suas an cearnan fa leth de Chanada. Is coir freagradh thoirt do’n iarrtas sin. Ni mise mo dhichioll air fios a thoirt mar tha chuis an Eilean-a-Phriunnsa. Anns an Eilean so tha 109,000 sluaigh. Tha iad so air an deanaibh suas de Shasunnaich Albuannaich, Eireannaich, agus began Innseanach; ach ’s Albannaich agus clann Albannach a chuid is lionmhaire de luchd-aitiche an Eilein so. Agus dhiu so buinidh a chuid is pailte do Thir nam Beann. Ann an aidmheil tha iad air an roinn mar so, 62,000 Protastanach agus 47,000 Papanach. Anns an Eiglis Chleirich (Presbyterian) tha 34,000 sluaigh, air an roinn nan deich co-thionalan fichead. Ann an deich dhiu sin tha Gaidhlic air a searmonachadh agus ann an tri no ceithir eile bu choir i bhi air a searmonachadhach tha Ministearan Gaidhlic gann agus ged tha Gaidhlic aig an t-sluagh tuigidh iad Beurla. Anns an Eiglis Phapanach tha mu thimchioll 28 Co-thional ’s mu’n cuairt air an aireamh sin de shagairt. Is Gaidhail ochd deug dhiu, agus is Easbuig Gaidhealach th’air an ceann, an t-Urram. I. C. Domhnullach, an Charlottetown. Tha againn mar an ceudna 6,000 Baisteach, 7,000 de’n Eiglis Shasunnaich agus 13,000 Methoduch, ach cha’n aithne dhoth gu bheil moran Gaidhlic nam measg sin. Tha’n sheann mhuintir gle mheasail air a Ghaidhlic ach tha ’n oigridh cho fileannt anns a Bheurla ’s gur i is deiseile le moran aca bhi labhairt. ’S tha cuid againn, mar th’agaibh fhein, fhir mo chridhe, a call na Gaidhlic anns na Staiten! Cha n ’eil Gaidhlic air a teagasg sna sgoilean ’s mar sin tha moran nach urrainn a leughadh. Ach, coma co dhiu, tha eolas a fas agus mar sin tuille luach aig muinntir ga chur air a Ghaikhlic mar chanan aosmhor agus bhlasda. Slan leat. S math leam thu thi fas mor. C. C. Strath-Alba, P. E. I., Iulaidh 20mh, ’93. GHLEIDH E ’BHEATHA.—Molidh mise Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry, oir ghleidh a mo bheatha dhomh nuair a bha mi mu shia miosan a dh-aois. Tha mi nise ceithir bliadhna deug a dh-aois. FRANCIS WALSH, Delkeith, Ont. Litir a Gleann-a Garraidh. A CHARAID,—Thachair dhomh le tuiteamas aon dhe na paipearan naidheachd Gailic (Mac-Talla) a tha thu a clo-bhualadh fhaicinn sa leubhadh. ’Se aireamh a cheud la dheth n’ Ghiblean, 1893, a chunnic mi ’s gad as ann an Canada a rugadh sa dh-araicheadh mi, gidheadh cha bu toil lium a cheud chlach na clach idir a thilgeil air cainnt na air duthaich m ’athraichean. Th’ moran Ghaidhell ann san t-siorramachd so. Mar charaid s’ mar fhear duthcha tha mi ann a so a cuir pris bhliadhnail a phaipeir ga t’ ionnsaidh an dochas gun gabh thu gu caoimhneil bho ’m laimh e. S’ gum bi do thoileachadh agam am paipeir fhaighinn an uine ghoirid. Tha mi leth char sean air son dol astar fada a dh’iarraidh fabhar gabhail air do phaipear. Tha mi tri-fichead bliadhna sa h-aon deug a dh’ aois. Ach ma dh’ fheudte gun amais mi air neach eiginn og a ghabhais ri dol man cuairt air son a phapeir. Thainig mo pharantan don aite so a Loch-abar an Albinn sa bhliadhna 1802. Mar sin as Canadach mise a thaobh breth as arach. A thaobh teachd-an-tir as tuathanach mi. ’Sa thaobh aidmheil do dh’Eaglais Shaor na h-Alba, Nan robh thu cho teann orm sa tha thu cho fada as, rachainn uair-eiginn air cheilidh ort. Beannachd leat aig an am so. Do Charaid, AONGHAS MAC ILLE-MHAOIL. An Lagan, Siorramachd Gleann-a-Garraidh, Ont. Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. MRS. A. LIVINGSTONE. Lot 5, P. E. I. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh le MINARD’S LINIMENT. IAIN MADDER. Mahone Bay. Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois le MINARD’S LINIMENT. JOSUA WYNACHT. A DHAOIN UAISLE,—Bha mi air mo leigheas le tri botuill de B. B. B., an deigh dhomh bhi fada tinn le cion cnamhidh bidh, agus chomharlichean dhaibh-san air am bheil an tinneas ceudna B. B. B. fhiachinn. Leighridh Minard’s Liniment Deideadh. [TD 36] [Vol. 2. No. 5. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE IULAIDH 29, 1893. Tha e gle choltach, leis gach ullachadh a tha rioghachdan na Roinn Eorpa a deanamh gu bheil duil aca ri cogadh, ged a tha sinn uile ’n dochas gu’m bi iad air am mealladh mar a bha iad uair us uair roimhe. Nuair a chithear an seillean a tionail na mealla, ’san seangan us creutairean eile ’cruinneachadh storas dhaibh fein, faodar a ghabhail mar chomharra cinnteach gu bheil duil aca ri geamhradh fada, fuar. Agus air an doigh cheudna, nuair a chi sinn an Fhraing ’sa Ghearmailt a ceannach gach feoil us ni air an urrinn dhaibh greim a dheanamh, ’s gan storadh suas, agus gu bheil eadhon Breatuinn a bruidhinn air toiseachadh air ceannach nas urrinn dhi fhaotinn de chruithneachd, agus a runachadh a h-armailt-chogidh a neartachadh, faodidh sinn a bhi cinnteach gu bheil lan dhuil aca ris an t-sith a bhi air a bristeadh an uine ghoirid. Sean Fhacail. Leum au garadh far an isl’ e. Leisgeul arain gu ith’ ime. Leig an t-earball leir a chraicionn. Lionar long le sligean. Lionar bearn mhor le clachan beaga. Ludh an t-sneachda,—’tighinn gun sireadh gun iarraidh. Oran na ba maoile—’tha mi ullamh dhiot’. Olc mu’n fhardaich, ’us math mu’n rathad mhor. Olc no math mo bhriogais fhein, ’si ’s fhearr dhomhsa. Ni an imrich thric an airneis lom. Na toir breith a reir coltais; faodaidh cridhe beairteach ’bhi fo chota bochd. Na toilich do mhiann gus am fiach thu do sporan. Na spion fiasag fir nach aithne dhuit. Na tilg dhiot an sean aodach gus am faigh thu ’n t-aodach ur. Na ni am bodach le ’chrogan, millidh e le ’spogan. Na’m biodh mo chu cho olc ionnsachadh riut, b’e ’n ciad rud a dheanainn a chrochadh. Litir o Mhor. FHIR DHEASACHAIDH,—Thanig MAC-TALLA ga’m iunnsaidh air a dhubladh am miadachd. Tha sibh a toilltinn moran cliu air son an oidhirp a tha sibh a dianabh gus an Ghalig a chumail suas agus tha dochas agam gun cum na Gaidhil air chuimhe dhuibh e. Tha na h’ uisgeachean a bh’ ann bho chionn laithean an deigh coltas math a chuir air fiar ’s air barr agus tha dochas againn gum bi iad nis fhearr na bha duil againn aon uair. Tha na daolagan gidheadh, ri milleadh mor air barr a bhuntata. Tha mi faicinn gu bheil Seonaid agus Caorstaidh an cunnart a bhi n’ amhaichean a cheile ma’n cuid aitichean tamha. Tha eagal orm gun d’ thig an chuis gu “trod-nan-cailleach” orra. Tha no boirionnaich choire dearbhadh an t’seanfhacail, “Saolaidh faolag an droch cladaich gur h-e ’cladach fhein is fhearr a th’ ann.” Tha Seonaid le bosd mor a labhairt ma “rathad iarainn each iarainn &c.” Togadh i dhe spaglain! ’S mutha gu mor a bha do dh’eolas aic’ air lair-mhaide. Each iarainn gu dearbh! Cha n’ fhaca mi fhein each iarrainn riabh, ged a chunnaic mi eich a bha cruaidh, tana gu leor. Tha Caorstaidh a deanabh uaill mhor as gu fac i fear-riaghlaidh na Mor-roinn. Cha mhor nach d’ thuirt i gun do bhruidhinn e rithe, seadh gun do dh-iarr e oirre teannadh as an rathad mar a dh-iarr an righ air an amadan. Ach feumaidh mi stad mas faigh fear no h’eadraigain buile. MOR. Eadar Margaree sa’n Camus, Iulaidh 21. As a Bhai ’n Iar. Thoisich mi air faighinn MHIC-TALLA leis an darra h-aireamh agus tha mi duilich nach dh’fhuair mi an ceud aon. Tha cach uile air sgeul agus lauchmhor na m’ shuilean. Tha mi gle thoilichte le piseach MHIC-TALLA, agus leis a so faigh mo dholar air son na bliadhna so. Tha Gaidheil ann a so, mar an aitean eile, bhios gle dheonach a bhi leubhadh no cluinntinn sgeulachdan MHIC TALLA nach bi idir deonach dolar a chosg air son fhaotinn dhaibh fhein fad bliadhna, ach a chuireas ann a tombaca no ann an goirich eile, cor sa sheachd uiread. Mur buan MAC-TALLA, co aige bhios a choire? Againne, Gaidhil Chanada. Do Charaid, SEUMAS. Leighsidh Minard’s Liniment losgidhean. STANDARD Life Assurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so..........$109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 37] [Vol. 2. No. 5. p. 5] MAC ASGUILL MOR. (Air a leantuinn.) Am feadh sa bha e ’g iasgach, mar a thuirt mi roimhe, thanig duine geur de Shasunnach da’m b’ainm Dunseath an rathad, agus air dha Mac-Asguill fhaicinn, rinn e suas na inntinn fein gum biodh e na dheagh ghnothach dha a thoirt leis do thiribh cein gus a bhi ’ga shealltuinn mar ioghnadh. Mar sin an deigh moran tagraidh dh-aontich Mac-Asguill falbh. Rinn Mr. Dunseath moran airgid a bhliadhna sin ’ga shealltuinn an Nobha Scotia, an Canada, ’s anns na Staitean; cha robh Mac Asguill ach air thuarasdal aige agus uime sin cha d’ rinn e moran beairteis. Ach air an ath bhliadhna rinn e cordadh eile ri Mr. Dunseath. Bha an t-airgiod ri bhi air a roinn eatorra, uiread us uiread aig gach fear, agus air an doigh sin rinn e sporan math airgid. Air an turus so bha e fhein us Tom Thumb air an sealltuinn cuideachd, agus bu shealladh ri fhaicinn an t eadar-dhealachadh a bh’ eatorra, agus an luaths leis an rachadh Tom Thumb troimh chleasan araidh maille ri Mac-Asguill. Dhannsadh e air a bhois, leumadh e o laimh gu laimh, agus an sin chuireadh am fear eile na phocaid e. An ath bhliadhna ’n deigh sin, ghabh e aig fear eile air an aon chordadh. Air an turus sin chaidh a thoirt air beulaobh na Ban-righ, a thuirt gu robh i gle thoilichte fhaicinn gu robh famhairean ’gan arach an Alba Nuadh cho math sa bha ann an Seann Alba. Thaghail e mar an ceudna ’sna h-Innseachan an-Iar, far an d’fhuair e ’n t-ainm Beinn-Chasguill. Air a thilleadh as na h eilaanan sin bha ’n luing anns an robh air a ruith le creachadairean, agus mur biodh a neart sa threine, bha i air a glacadh, ’s na bh’ air bord air an marbhadh. An deigh so bha e am baile New Orleans, far an deachidh geall a chuir ris nach togadh e acaire soithich ’san robh tunna chudthrom. Thog e ’n t-acaire gun strith ’s chuir e air a ghuallinn e, ach nuair a bha e ’ga leigeil air an lar rug e air ghualla air ’s cha deachidh e na aite fhein riamh tuilleadh. Tha moran dhe’n bharail gu robh rud-eigin aige so ri dheanamh ri bhas. Chaidh e rithist do’n Spainn far am fac’ e sabaid nan tarbh agus iomadh ni eile nach fhac e riamh roimhe, ’s nach robh idir a tighinn ri chail. Ged a b’i ’n Spainn duthich ’sam bu mho rinn e dh-airgiod, dh-fhas e cho coma dhi ’s de chleachdannan an t-sluaigh, ’s gu robh fadachd air an ruigeadh e a dhachidh fhein. Thanig e dhachidh ’se ann an droch shlainte. Thoisich e air ceannachd, ’s air iasgach a bhradain, ’s shoirbhich leis gu math. Cheannich e fearann do gach aon de ’bhraithrean, ’s dh-fhag e iad uile gu math air an doigh. Anns gach gluasad a rinn e bha e nochdadh gu robh e caoimhneil agus onarach, agus bha e na dhuine air dheagh ghiulain fad a bheatha. Cha robh e ach ochd bliadhna fichead nuair a dh-eug e. Ghabh e fiabhrus trom a lean ris uine fhada ’sa thug a bhas. Bha a chiste-laidhe ’s na chuireadh a chorp tri troidhean deug a dh-fhad. Bha e air adhlacadh am Baile-nan-Gall, far a bheil an uaigh aige air a comharrachadh le claich air a bheil ainm sgriobhta, agus am a bhreith ’sa bhais. Guth bho’n Chamus. Tha’n t-side air tionndadh fabharrach do’n bharr o cheann da sheachduin. Bithidh am feur ni’s fhearr na bha feadhainn a’ cuir air mhanadh dha mu thoiseach a’ mhios, ach ged a bhitheas tha reusan aig a’ mhor chuid air a bhi gearain. Tha’m barr coirce, eorna, ’us cruinneachd, anabarrach gealltannach agus fad air thoiseach air mar a bha e mu’n am so ’n uiridh. Tha na daolagan ri fhaicinn air barr a’ bhuntata ach cha n-eil mi’n dul gu bheil iad cho paillt ’s gu’n dean iad mor chall air a bhliadhna so fhathasd. Bha iasgach a’ rionnaich gle mhath air an t-seachdain s’ a chaidh. Tha’n t-iasg so daonnan an deagh phris, agus saoilidh mi nach bi’dh e gle mhor na ghlacadh gach iasgar dheth ’nuair a bhiodh e riaghailteach toilichte. Bha aon de na cruinnichean sin ris an abrair concert aig sgoilearan Dhunbheagain o cheann corr ’us seachdain. Bha ceol, orain, comhraidhean ’s gach fearras-chuideachd de’n t-seorsa sin ann gu paillt agus air an toirt duinn gu nadurra, snasail, ionnsaichte—rud a tha na chliu mor araon do na sgoilearan agus do’n mhaighstir-sgoil. Tha’n t-Urramach Domhnull Siosal an drasd air sgriob air feadh cuid de bhailtean mora na Staitean, agus tha sinn uile ann an dochas laidir gu’m bi mor thoil-inntinn aig air a chuairt ’s gu’n till e dhachidh thugainn ’an deagh shlainte. Chaochail ann a so o chionn uine ghoirid duin-uasal og, cliuteach, dha’m b’ainm Seumas Mac Illios, maighstir sgoile. Bha ionnsachadh math aige, agus bha meas mor air anns gach aite ’s na theagaisg e. Tha mi tuigsinn nach eil “Caorstaidh” air son mi ’bhi cur cearna sam bith an coimeas ann am maise ris an oisinn iomallaich anns a bheil i fhein a’ tamhachd. Tha i gu math sgaiteach leis a’ pheann agus cha toil leam cur amach oirre. Is fearr leam a fagail na beachd fhein na sin a dheanamh. SEONAID. Iulaidh 26 la, 1893. S’e K. D. C. an leigheas a’s fhear rag tha ri fhaotinn air son droch stamag. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.00 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 38] [Vol. 2. No. 5. p. 6] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D. Bha ’n oidche dluth, agus uime sin rinn iad cabhaig chum na stucan a thearnadh. Do bhrigh gu ’n robh an tearnadh duilich ghreimich iad ri aon a cheile air eagal gu’n tuislicheadh iad agus gu ’m briseadh iad an cnamhan. A dh-aindeoin an curam thuislich cuid diu. Cha b’ioghnadh e gun shleamhnaich iad, oir bha’n suilean lan de dheuraibh. Rainig iad an traigh, ach, a chionn gu robh an soitheach na luidhe aig acair bha iad an ioma-chomhairle cia mar gheibheadh iad air bord. Spion Peadar dheth a chota chum snamh. Labhair Tomas mu shlaod uisge; thog an Aithair suas a ghuth agus ghlaodh e, “Soitheach ’n ceann!” Nuair nach d-freagradh e, ghairn e rithisd. Bha grian an anmoich a dearsadh air an t-soitheach, gus an robh i ’g amharc ni bu mho na bha i roimhe. Rinn oiteig an anmoich an rinn nuallan air na h-uisgeachan; thuiteadh an dorchadas orra a thiotadh. Bha eagal air Talamh Dearg, agus a Theaghlach, air dhoibh teachd an fhad so nach gabhte steach do’n t-soitheach iad; agus air dhoibh cromadh comhlath air an traigh, rinn e urnuigh: “O Thighearna greas chum ar cuideachadh.” An sin thaisbean aon cosmhull ri Mac an Duine e fein air clar uachdar na Luinge. Shin e mach a lamhan agus thubhairt e, “Thigibh a m’ ionnsuidh-sa sibhse uile a ta ri saothair, agus fuidh throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhiubh. “Tha e gar gairm” arsa Talamh Dearg, le gairdeachas, “Ach am bheil an guth air an son-ne?” dh-fhoighnich Tomas. “O thus’ air bheag creidimh,” thubhairt athair, nach eil Leabhar na Beatha ag radh. “Ge b’e neach leis an aill, thigeadh e?” Agus tha mi faicinn le’m shuilean fein aon coltach ris a choigreach bheannaichte a dh-aithn duinn teicheadh o’n fheirg a ta ri teachd,” thubhairt an’ t-athair. “Och nach robh agam sgiathan mar choluman!—” ghlaodh Peadar, agus thug e ionnsuidh mar gu’n coisicheadh e air an uisge. Chaidh Tomas air faontradh measg na’n creagan, agus air dha bhi fearr—sheallach, thubhairt os iosal,” ’Se bhi faicinn creidsinn.” An sin bha bata beag air a leigeal sios bho’n t-soitheach, agus dh-iomaradh i dh-ionnsuidh a chladaich, le aon sgeadaichte ann a fionnadh chamhal, agus a ghuth a seirm thairis air na h-uisgeachan ag radh, “Gabhaibh aitheachas, oir a ta rioghachd neimh am fagus.” Nuair rainig e asdar bruidhne thubhairt e ri Talamh Dearg. “Co tha thu ’giarraidh?” Fhreagair Talamh Dearg. “Bu mhiann leinn dol air bord “Sgeul a mhoir aoibhneis.” “Na threig thu Babilon gu tur a’s gu brach?” Fhreagair Talamh Dearg, “Threig.” An sin thubhairt an Teachdaire. Se n soitheach tha thu faicinn da rireadh. Sgeul a Mhor Aoibhneis, chaidh a togail le Emmanuel, faodaidh na h-uille a chreideas tighinn air bord. ’N trath bha iad a labhairt thainig an Teachdaire nis dluithe agus nis dluithe na bhata aig an robh sgriobhta air a raimh na facail so. “Seadh” agus “Amen.” Be ainm a bhat aige, “An Gealladh.” ’M BHEIL CEANN-GOIRT ORT? Leighsidh B. B. B., ceann-goirt, oir tha e tighinn bho dhroch-stamag, ’s bho thiemeas a ghruain, agus tha B. B. B. a glanadh ’sa riaghileachadh na fala agus mar sin a deanamh feum do’n chorp uile. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Tha Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. Tha Dotairean ag radh nach dig Cholera ’nad choir ma bhios do stamag glan. Glanidh K. D. C do stamag ’s cumidh e air falbh an Cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Donghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 39] [Vol. 2. No. 5. p. 7] Eadar-Theangachadh bho “Utopia.” LE CABAR-FEIDH. Nach eil an riaghlachadh sin an da chuid mi-cheart agus mi-thaingeil a tha cho struidheil le chuid baighean dhaibhsan ris an abrair daoine-uasal, no or-cheaird, no an leithid eile ’tha diomhain, no beo aon chuid le miodal no le bhi tionnsgain innleachdan airson toileachas-inntinn faoin, agus air an laimh eile nach eil a gabhail curam sam bith dhiubhsan a tha de sheorsa ni ’s diblidh, mar treabhaichean, guaillearan, agus goibhnean as engmhais nach b’urrainn dha cumail suas? Ach an deigh do ’n mhor-shluagh uile thairbhe an seirbheis a mhealtuinn agus a thig iadsan gu bhi air an claoidh le aois, euslainnte, agus gainne, tha an saothair uile agus am maith a rinn iad air an di-chuimhneachadh agus se ’n duais a tha iad a faotainn gu ’m beil iad air am fagail gu basachadh ann an amhghar mor. Tha an seorsa a’s beartaiche gu tric a feuchainn ri duais luchd-obair a lughdachadh, cha n-e mhain le ’n cleachdaidhean cuilbheartach ach leis na laghan a tha iad nam meadhon air a dheanamh chum na criche sin, air dhoigh ’s gu’n d’thug iad do na cruaidh-chasan so ainm agus dreach ceartais le bhi faotainn laghan air an deanamh gu bhi ga ’n riaghladh, ged a tha e na ni ro mhi-cheart ann fhein duaisean cho beag a thoirt dhaibhsan tha cho toilltinneach air nithe maith bho ’n t-sluagh. Air an aobhar sin feumaidh mi radh, mar tha duil agam ri trocair, nach urrainn dhomh beachd sam bith eile bhi agam de gach riaghlachadh eile tha mi ’faicinn no is aithne dhomh, na gu’r e ’th’annta cealg chomhairle dhaoine saobhir nach eil ach an toir air an ruintean diomhair fein ged a tha iad a cumail a mach gu ’m beil iad a riaghladh an t-sluaigh, agus a tha ’dealbh gach doigh agus innleachd is urrainn dhaibh fhaotainn a mach chum, anns a cheud aite, gu ’m feud iad gun chunnart gach ni a fhuair iad air doigh cho eucorach a ghleidheadh agus an sin an sluagh bochd a thuarasdalachadh gu saothrachadh agus oibreachadh air an son air duais cho beag ’s a dh’fheudas a bhi, agus air sarachadh uibhir ’s a thogras iad; agus ma theid aca air na h-innleachdan so a steidheachadh le coslas ughdarras follaiseach, air am beilear ag amharc mar ni ’tha taisbeanadh toil an t-sluaigh gu leir, an sin tha iad air am meas nan laghan; gidheadh an deidh do na droch dhaoine so, le’n sannt do-shasuchaidh na nithe sin a roinn nam measg fein le’m feudadh cach uile ’bhi air an riarachadh gu cothromach, tha iad fada gearr air an t-sonas sin a th’ air a mhealtainn a measg nan Utopianach, oir air do mhiann, agus mar an ceudna gnathachadh airgeid a bhi air an cuir as, tha moran iomagain, agus fathan mora uilc air an gearradh as mailie riu; agus co nach eil a faicinn gu ’n sguireadh cealgaireachd meairle, reubainn, comh-stri, aimhreite, strith ceannairc, mort, foill agus buidseachd, nithe tha da rireadh air am peanasachadh agus cha ’n ann air an coisgeadh le cruadhas an lagh, mur robh luach air a chur air airgiod ni’ b’fhaide leis an t-saoghal? Rachadh as do uile eagalan, iomagainean, churaman, shaothraichean agus fhaireachan dhaoine aig a cheart am ri luach airgeid agus theirgeadh eadhon bochdain fhein ged a tha ’n t-airgiod cho feumail air son a bhi ga leasachadh. Oran Gaoil. (Do Chatriona Nic Aonghais ann a’ Muideart. Le Aonghas Ceanadach. Ma tha tuilleadh air an oran, cha chuala mis e.—Domhnull.) ’Chatriona bhoidheach gu’n tug mi speis dut; Gu’r buidh’ an oigear gheibh coir da fhein ort; Da chuailean boidheach mar or na h-Eipheit, ’Ga charadh suas ann an ordugh gle mhath. Mo cheist a’ chaileag tha ’n tir a’ Choirneil; Gu’r math thig siod agus pios de’n t-srol dhut; Do chuailean riomhach mar shithean eorna; Gu’n suibhlain fhin leat na’m bi tu deonach. Mo cheist a chaileag a’s grinne nadur; Gu’r buidh’ an oigear a gheibh do mhanran; Mar faigh mi coir ort gu’n teid mo charadh An ciste chaol,—’s e do ghaol a chraidh mi! Ged bhithinn trom, dh’ eiradh fonn le sunnd orm; Ged bhithinn tinn, cha bhiodh m’ inntinn bruite, Nuair chi mi chaileag a’s glaine giulain Dha’n tug mi gaol thar gach aon ’san duthich. Gad a shiubhlain fad ’s tha m’eolas, Eadar Muideart agus Moror, As a sin gu ruige Cnoideart, Cha’n fhaic mi h-aon ann, a ghaoli dhe d’ sheorsa. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Leighsidh Minard’s Liniment cannabhrist. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 40] [Vol. 2. No. 5. p. 8] Oran do Dh-Ailain Muidertach. Chi mi, chi mi, chi mi thallad, Chi mi na feidh air a bhealach. Ho ri iru o hi-il o ro ho, Ho ri iru o hi-il i ri iu, Ho ri iru o hi-il o ro ho. Chi mi na feidh air a bhealach, ’S an giomanach fhein gan leanailt, Le ’ghunna caol ’s le mhiol-choin sheanga. ’Dhireadh bheann ’sa thearnadh bhealach. Dh’fhagadh cu ’n damh donn gun anail. Air an fhraoch a call na fala. Bhiodh do mhiol-choin sgith gan leanailt. Bhiodh do ghillean sgith gan tarruinn. Ann san anmoch tigh’nn gu d’ bhaile. Far am faighteadh feidh gun ghainne. Ol is ceol is comhradh tairis. ’S beg an t-ionghnadh thu ’bhi smerail, ’S tu mac-oighre Mhic-”Ic-Ailain. Ogha ’s iar-ogh’ nam fear fearail. ’Dheanadh luchd an streup nan lannibh. S car thu do Mhic-Leoid na Hearadh. ’S do Mhac-Dhomhnuill Duibh o ’n darich. ’S tha thu ’d bhrathair do na fearabh. ’Dheanadh eirigh leat gu h-elamh. ’N t-armunn treun b’ e-fhein an cennair. ’S an laoch gleust o Ghlen na-Garadh. ’Dheanadh reubadh air na Gallibh. La Raon-Ruari fhuair sibh ’n ceannas. Chuir sibh ruaig gu luath ’na dennibh. Sgathadh ghualann, chluas, is cheannibh. Oran a Mhaorach. (Bidh muinntir Eilean Phrionns’ Iomhair air deigh nan ai’nichean ’sa gheamhradh, ag cladhach poll maoraich ’s ga tharruing gu tir le eich. Is tric leo bhi gabhail an dinnearach air an deigh) AIR FONN,—Horo ’s ann again tha ’n gaol art. LUINNEAG. Horo ’s droch obair a maorach Thug iomadach giobalan gaoid as Horo ’s droch obair a maorach. ’S droch obair am poll ’ga tharruing a toll Na bhoganach eiserach phlaosgach. Horo &c. Bi h-uile fear againn dol sios anns a mhaduinn, Us fhiaclan a snagadich ’s craos air. Nuair thig an t-am bidh ’sa ruigeas sinn tir Bi pocannan bidh ’gan sgaoileadh. Bi n ti gun deo ’san t-aran na sgodan ’S cluigeanan reota ri taobh sin. Theabas Eirionnach mor a thachdadh le feoil ’Na shuidh air an tor ga caobadh. Shuidh Tearlach Mac Laoid air boganach loid Bha lathach ma thoin na laoplach. Nuair thug e sin tomhadh mu thiomcheall a ghnothaich ’Sann bha air reothadh sa mhaorach. Ach ’s ann a bha fuathas nuair chualas a steall Rinn Neall ’dol ’san toll le daoraich. Chaidh Aillean na bhreislich ag’ eubhach ’se teichadh “Bi bathadh air eich agus daoin ann.” Thuirt Alastair Garbh “mun gabhadh e teanchas Dh’fheumta an fhairge thaomadh.” Thu’airt Ruairi ’s e crom air bearradh an tuill “Gun d’ fhuair mi greim air mhaoil air.” Sin Thuirt Mac-a-Phearsain “Cum greim, na lig as e! The botal ’na Achlais is taom ann.” Tha’n t-am again togail de u deigh is mo-thogair Oir s salach an obair an maorach. D. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Mac Gillios & Mac achuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin. [No. 6 a dhìth] [TD 41] [Vol. 2. No. 7. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, OGUST 12, 1893. No. 7. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha tuathanach ann a Middleton, N. S. a chuir ochd ceud fichead galan de na suidheagan lair gu margadh air an t-samhradh so. Tha coig duine as a cheud an Canada nach urrinn aona chuid leughadh no sgriobhadh a dheanamh. Tha so gle fhad air ais de dhuthich anns a bheil sgoilean us taighean foghlum cho lionmhor. Chaidh duine agus bean a mhuinntir Halifax a chur do’n phriosan an la roimhe air son droch dhiol a bha iad a deanamh air nighean bheag a bha air a fagail air an curam. Fhuair an duine tri miosan, agus a bhean sia miosan. Chaidh soitheach a mhuinntir St. Pirrre a ghlacadh aig Sidni-a-Tuath madinn Di-domhnich s’a chaidh. Bha na batichean aice air am faicinn a dol gu tir le luchd de dheoch laidir, agus thanig oifigeach na cuspuinn orra gun fhios, gun fhaireachadh, agus ann an ainm na ban-righ ghabh e sealbh orra. Chan fhaigh an soitheach a spogan an lagha gus am paigh a sealbhadairean ceithir cheud dolair de chain. Bha Seoras Mac Coinnich, duin’ og a mhuinntir na Forks air a leon gu dona faisg air na meinnean guail an Cove Kelly Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fein us dithis no triuir eile ag obair air togail drochid. Dh-fhuasgil an obair fhiodha air an robh iad air doigh eigin agus thuit iad do’n uisge. Thuit maide air muin ’Ic Coinnich ’ga goirteachadh gu dona. Tha sinn a cluinntinn co-dhiu gu bheil e ’dol air taobh an fheabhais, agus gu bheil a h-uile ri e bhi ’n uine ghoirid cho slan sa bha e roimhe. Tha na paipearan-naigheachd a feuchinn a h-uile latha ri fhaotinn a mach gu de ’n co-dhunadh gus an danig na h-uaislean ris na dh-earbadh an cas a tha eadar Breatinn ’s na Staitean a thaobh Cuan Bhering. Cha mhor gu’n tig paipear an rathad aig nach bi sgeul eigin uime, ag innse aona chuid gu bheil na Staitean an deigh an cas a ghleidheadh no chall. Cha neil fhios fathast cia mar a tha dol dhaibh, ach ’s cinnteach nach fada ’nis gus am bi iad a deanamh am breith follaiseach. Chaidh fear Calum Mac-a-Phi, a bha o chionn aireamh bhliadhnichean a mach ’sa stigh as a phriosan air son ol us aimhreit, a ghlacadh an la roimhe air son bristeadh a mach as a phriosan, agus air son priosanich eile a leigeil fuasgailte. Thugadh gu cuirt e Di-mairt sa chaidh agus an deigh do’n bhreitheamh Dodd eisdeachd ris na bha ri radh air gach taobh de’n chas, thug e dha tri bliadhna ’s tri miosan de’n tigh oibreach. Dh-fhalbh e air a thurus gu Dorchester madinn Dior-daoin. Chaidh dithis thuathanach a mhuinntir Dorchester, N. B., thar a cheile mun cuid chaorach agus cha deanadh dad an gnothuch ach a dhol a shabaid. Anns an t-seorsa sabaid a bh’aca bhristeadh meur an darna fear dhiubh, agus chuir e am fear eile san lagh air a son. Chaidh a chuis air beulaobh nam breitheamhna agus rinn iad sin a mach gu robh coir aig air da cheud ’s leth-cheud dolair ’s a h-ochd air son call na corraig. Nach b’i corrag an aigh i! Nan robh e air na meoirean a chall uile bha fhortan deanta. Bi’dh na paipearan gu tric a toirt iomradh air cho mi-rianail sa tha cearnan de na Staitean, agus gu h-araidh air cho beag suim sa tha de bheatha dhaoine. An la roimhe thanig sgeul air ionnsidh a thugadh ann am baile an Indiana air dithis bhraithrean da’m b’ainm Conrod a chrochadh. Bha amhrus aig muinntir a bhaile gu’m b’iad a chuir as da’n athair a dh-eug gle ath-ghearr s’a gheamhradh sa chaidh. Chuireadh fios da’n ionnsidh mur fagadh iad am baile gum biodh iad air an crochadh, ach cha tug iad cluas. An oidhche roimhe thanig corr us ceud duine thun an taighe gus am bagradh sin a chur an gniomh. Dh-fhalich na braithrean iad fein faisg air an tigh, agus loisg iad air an t-sluagh a theich air ball a fagail coignear marbh nan deigh. Air dhaibh tilleadh a rithist chaidh an ath fhras nan deigh a rinn tuilleadh marbhidh. Theich na Conrods as a bhaile romh mhadinn. Tha ’m fios ag radh gur iad an fheadhain a mharbhadh na daoine bu mheasaile ’sa b’fhearr a bha sa bhaile. ’S ann a bha ’m fearr gun a bhi ann idir. [TD 42] [Vol. 2. No. 7. p. 2] ORAID GHAILIG a liubhair an t-Urr. Iain Mac Griuridh aig coinneamh bhliadhnail a Chomuinn Ghailig an Inbhirnis, Iulaidh 13mh, 1893. Fhir na Cathrach, a mhnathan uaisle agus a dhaoine uaisle gu leir.—Cha robh mise riamh aig a’ leithid so de chuideachd, agus mar a tha e furasda gu leor dhuibh a thuigsinn, tha mi ’g am fhaireachadh fhein mar nach d’ fhairich mi mi-fhein riamh roimhe. A nis, o ’n a tha agam ris na nithean a th’ air m’ inntinn aig an am so innseadh dhuibh gu soar, soilleir, feumaidh mi staid m’fhaireachduinean innseadh dhuibh anns a’ cheud dol a mach. Tha mi ’g am fhaireachadh fhein ann an tomhas coltach ri mar a bha ’n t-Eirionnach ’ga fhaireachadh fhein an uair a fhuair a bhean aige bas. “Cia mar a tha thu ’g a d’ fhaireachadh fhein an diugh, a Sheaghain,” arsa Brian? “Chuala mi gu’n d’ fhuair a bhean agad bas.” “Tha mi ’g am fhaireachadh fhein,” arsa Seaghan ’s e ’fregairt, “mar nach d’ fhairich mi mi-fhein riamh roimhe—tha mi araon gle thoilichte agus gle mhi-thoilichte. Tha mi gle thoilichte a chionn gu’n d’ fhuair a bhean bas; ach tha mi gle mhi-thoilichte a choinn nach d’ fhuair i bas o chionn fada.” Tha mise gle thoilichte a chionn gu bheil mi ann an so air an fheasgar so, agus tha mi duilich nach do thachair dhomh a bhith aig coinneamh dhe ’n t-seorsa so riamh roimhe. Ach feumaidh mi aideachadh gur ann agam fhein a bha ’choire. Fhuair mi cuireadh uair is uair gu tighinn do ’n bhaile so aig am a’ cho-chruinneachaidh bhliadhnail; ach bha draghannan an t-saoghail agus nithean eile ’gam chumail air m’ ais. Tha mi gabhail a’ chrothrom so, ma ta, air moran tainig a thoirt do ’n Chomunn-riaghlaidh agus do ’n Runchleireach air son na h-ard-urram a chur iad orm ann a bhith ’g earbsadh rium labhairt ris a’ cho-chruinneachadh mhor, mhaiseach so ann an seana chanain nan Gaidheal. An uair a dh’ aontaich mi tighinn, thuirt mi ris an Run-chleireach, nan tugadh an Comunn-riaghlaidh bonn labhairt dhomh, gu feuchainn ri labhairt air a’ bhonn sin; ach dh’ fhag iad mi gu saorsa mo thoile fhein, agus tha eagal orm gu’ m bi aithreachas orra. Ach faodaidh mi radh le firinn gu feuch mi ri labhairt air dhoigh nach toir oilbheum do neach sam bith aig am bheil speis do chanain aosda nan Gaidheal. Faodaidh e bhith gu ’m bi ar cairdean aig nach ’eil a’ Ghailig a’ gabhail beagan fadachd mu ’n cuir mi crioch air na bheil a mhiann orm radh; ach an uair ainneamh a theid oraid Ghailig a liubhairt do ’n Chomunn Ghailig aon an Ceanna-bhaile na Gaidhealtachd, cha bu mhisde a’ chuis ged a bhiodh foighdinn air a chleachdadh eadhon ri oraid a a tha mi nis a’ labhairt, Is ann mu ’n Chomunn so, ma ta, a tha ’mhiann orm labhairt, agus their mi (1) beagan mu ’n obair mhath a rinn an Comunn mar tha, agus (2) ma ’n obair a dh’ fhoadas an Comunn a dheanamh ’na dheigh so. Tha ’n Comunn a nis air tighinn gu aois—tha e bhliadhna ar fhichead a dh’ aois. An uair a thig na mic a’s sine aig nachdairain agus aig daoine a tha ann an ard-inbhe agus an ard-urram anns an t-saoghal gu aois bliadhna ar fhichead, bidh greadhnachas agus fleadhachas gu leoir air a dheanamh mu’n timchioll. Bheirear iomradh air mar a bha iad ’gan gluasad fhein o am an leanabais gus an tig iad gu aois lan dhaoine. Ma bha ’n caitheamh beatha o’n oige maiseach, bidh a h-uile duil gu lean iad air a bhith mar sin, agus a’ sior dhol ni’s fhearr, gu latha deireanach an saoghail. A nis, ged nach eil mise mion-eolach air eachdraidh a’ Chomuinn anns gach ni o thoiseach gu deireadh, tha e soilleir dhomh gu robh, agus gu bheil soirbheachadh mor aig a Chomunn. Tha seachd deug de leabhraichean maiseach, loma-lan fiosrachaidh agus foghlum air an cur a mach leis a Chomunn, agus mu ’n tig bliadhna eile bidh fear no dha eile ris an aireamh. Bha lamh aig iomadh neach anns an obair mhath so: mur bitheadh, cha gabhadh i deanamh idir. Tha so a’ teagasg dhuinn ma bhios clanna nan Gaidheal ri guaillean a cheile mar bu choir dhaibh a bhith, gu ’n teid aca air moran math a dheanamh. Tha e nis soilleir dhuinn gur e am peann a’s cumhachdaiche na ’n claidheamh, agus o’n a ghabh aireamh mor dhe na Gaidheil tlachd ann a bhith ’g obair leis a’ pheann, agus o’n a dhearbh iad gu’m b’ aithne dhaibh feum a dheanamh leis, cha ’n ’eil teagamh nach fhaod an euchdan leis a’ pheann, a bhith ’cheart cho ainmeil ’s a bha ’n euchdan leis a chlaidheamh. Tha barrachd mor de thoradh ri’ fhaicinn an deigh saothair a’ Chomuinn o chionn bliadhna ar fhichead na na seachd leabhraichean deug air an d’ thug mi iomradh. Anns an am ’san deach an Comunn a chur air a chois bha aireamh mhor dhe na Galdheil air an robh naire aideachadh gu robh Gailig aca. Bha mar an ceudna aireamh mhor anns an duthaich a bha ’meas gu m bu pheacadh mor do neach sam bith oran no sgeulachd a bhith air chuimhne aige. Ach an uair a chuireadh an Comunn so air a chois ’s a thoisich daoine uaisle ri sgriobhaidhean Gailig agus Beurla a chur a dh’ ionnsuidh a Chomuinn, thoisich daoine eile air an robh naire air son gu robh Gailig aca, ri ’toirt fa near gu robh daoine turail, tuigseach gu leor anns an duthaich aig an robh meas air ga Ghailig. Thug iad sin fa near gu robh moran dhe na Goill agus dhe na Gearmealtich ni b’ eolaiche air a’ Ghailig na bha iad fhein. Tha cuid de dhaoine ann nach ’eil idir a’ toirt fa near gu faodar moran gliocais (Air a leantuinn air taobh 5.) A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1883. [TD 43] [Vol. 2. No. 7. p. 3] Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. A’ PHIOB AGUS CEOL NA PIOBA. Cha b’ ann bu neo-thaithicehe ceilearan na pioba ’n uair a chruinnicheadh an oigridh an ceann a’ cheile an deigh saothair an la, a measg nan gleann, a chum solas a’ ghabhail aig uair an fheasgair anns an dannsadh. Is dearbhta gur culaidh ioghantas do do Ghoill ghlasa nan lurgann caola, bhi faicinn na dearsadh caoimhneil a tha r’a faotainn air an gnuis, mar fhoilseachadh air na farachduinnean aoibhneach agus neo-lochdach a tha ’nan cridhe; agus c’aite am bheil fear-crabhaidh na h-aghaidh leointe a bheir orm a chreidsinn gu’m bheil coire ann bhi mar so a’ deanamh gairdeachais neo-chiontaich aig uairibh. Is e cuimhne air sonas na h-oige agus na cairdean ’s na companaich dhileas ghradhach a bha mar so a’ deanamh cridhealais maille ris, a bheir togail air cridhe an fhior-Ghaidheil ’n uair a chluinneas e fonn suilbhear na pioba; agus ged bhios ’aimsir air a caithe a rithisd am measg gach grinneis. agus h-uile inneal-ciuil a’s fonnmhoire a chaidh riamh a dhealbh anns an Eadailte, ’n uair a thig ceileirean na pioba gu a chlusan, thig mosgladh air a’ chridhe mar nach tainig air o ’n chual e roimh i. Ach tha buaidh aig a’ phiob innte fein thar aignean dhaoine, ma thuigear a ceol gu ceart. Cluinnibh ciod tha Fionnlath Piobair ag radh mu thimchioll piobaireachd ’n uair dh’ fheoraich neach araidh dheth, an robh e dol a dheanamh piobair d’ a mhac. “Ma ta cha ’n eil, tha la na piobaireachd seachad. Tha na tighearnan mora suarach uimpe. Tha am bladaire ronnach a ’s mo ’san duthaich na ’s taitniche leo na Mac Cruimein. Cha bu mhisd leam gu dearbh ged b’ urrainn da cuairt a chluich. Is tric a thug ceol faochadh do mo chridhe fein. Tha mise ’g radh riut, Eoghainn, gu’m bheil cuairt cheolmhor air feasgar tla ri taobh na h-aibhne sin shios do m’ anam-sa mar aiteal an Earraich do ’n eu-slainteach bhochd, mar chiuran uisge, no mar dhriuchd an anmoiche air na lusaibh maoth. Cha mho orm an saoghal aig na h-amannan sin na an cluaran a tha ’falbh leis en oiteig. Tha mi air mo thogail mar fhiadh anns a’ chreachainn, ach cha n ’eil togradh ann mo chridhe ach togradh gu cairdeas agus gniomharaibh fiughanta; cha ’n aighearr e ’s cha bhron e, ach mo bheannachd aige, is iomadh la a sheas’ e mi.” Tha Fionnlath Piobair ceart; dh’ fhalbh la na pioba, agus ged tha iomadh piobair fhathasd am measg tir nam beann a ’s urrinan a’ phiob a ghleusadh gu ceol cho taitneach agus milis, (agus tha nis tuilleadh misnich air a thabhairt dhoibh, le duais mhath do ’n fhear a ’s eolaiche a chluicheas) an deigh sin uile, tha aobhar againn a chreidsinn nach ’eil iad ach mar sholus na gealaich ann an coimeas ri ard-mheadhon la, lamh ris an dream ris an canadh iad piobair anns a’ Ghaidhealtachd chionn ceud no dha bliadhna air ’ais’, oir anns an am ’san robh Oil-thigh Mhic Cruimein ’na chala, bheireadh neach o shea gu da bhliadhna dheug a’ foghlum, mu ’n goirteadh lan-phiobair dheth. Theagamh, dhaoine uailse, gu ’m bi sibh a’ smuaineachadh gu’m bheil mi air tuiteam anns a’ mhearachd a tha ro choitcheann anns na linntibh so bhi a’ tabhairt tuilleadh ’s a’ choir dh’ urram do ’n aimsir a dh’ fhalbh, ach ma bheachdaicheas sibh gu geur air a’ chuis, chi sibh cho chosmhuil a’s tha e. Ach a chum a’ phiob a chluinntinn gu ceart, cha ’n ann am measg boladh breun, agus toit mhi-fhallain nam bailtean mora a dh’ fheumadh i bhi air a seirm, ni mo a chordas e r’ a gne a tha a ghnath ag eigheach saorsa bhi air a cumail a stigh ann an tighean. Ach co ’nar measg nach do mhothaich cumhachd na pioba ’chum bhi a’ gluasad nan aighean ’s a’ cur taitneas anns a’ chridhe, ’n uair a chualas a ceileirean tiamhaidh a’ sruthadh air sgeith na h-osaig mine thar an lochain gun bhruaillean, am measg bheanntan duthcha ar graidh, ann an samhchair an fheasgair Shamhruidh ’n uair a bhiodh a’ ghrian a’ dol air chul nam beann, no ’ga cleith fein fo stuaidh ’san iar—na beannta mora le ’m beuraibh arda comhdaichte le fraoch fo lan-bhlath, am measg an cluinnear, theagamhs rann seillein aonaranach a’ pilitinn anmoch o shaothar an la; clann bheag nam preas air mhile geig a’ dusgadh gach doire le aoibhneas an luinneig fheasgair; an osag sheimh a’ giulan fionnarachd agus faileadh cubhraidh an fhraoich fo dhriuchd, agus i cho ciuin a ’s gur gann bheir i mosgladh air duilleach fhaoin na caoill. Is e so an t.ionad anns am bu choir agus am bu dual do ’n phiob bhi air a gleusadh far am biodh mac-talla nan crag le sunnd a’ tabhairt failte d’ a ceol. Cha ’n ann a’s mi-thaitniche a buaidh ’n uair a chluinnear a glaodh cianal a’ bristeadh am measg beucaich dhoinneanach an gaoithe, na ’n uair bhios a nualan tuirseach leth-mhuchta le toirm steallraidh liath shruthan ard’ an aonaich. Tha a guth a ghnath tiamhaidh tuirseach, gidheadh i ’s e tuirseadh a th’ ann, anns am bheil solas agus taitneas. Mar tha Oisean ag radh:— “Is taitneach leam aoibhneas a’ bhroin, Mar dhriuchd mothar Earraich chaoin, Fo ’n lub geug dharaig nan toir ’S an duilleach og ag eirigh maoth.” Cha ’n ’eil neach againn nach do mhothaich firinn briathran a’ bhaird. Tha am fonn cianail bronach ’na aobhar suaimheis agus faochaidh do ’n chridhe fo leon, ni ’s mo na gach subhchas agus aighear. Saoghal fad do na piobairean agus neo-bhasmhoireachd do ’n phiob, agus ged bhi slaodairean leibideach gallda a’ feuchainn ri fanaid a dheanamh oire, tha an t-sean fhocal ag radh, nach misd a’ ghealach na coin bhi labhanaich rithe. Nis fagaidh mi beannachd aig na piobairean, agus is e durachd mo chridhe, gu ’m mair an sliochd gu suithainn sior, buan mar an fraoch, cruaidh mar an dar ach.—An t-Ard-Albannach. [TD 44] [Vol. 2. No. 7. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’S e Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OGUST 12 1893. Tha sinn ag earbsa as na tha gabhail a MHAC-TALLA cheana air aon tuilleadh de luchd na Gailig a dheanamh eolach air. Tha aireamh mhath ga ghabhail ach dh-fhaodadh an aireamh a bhi dheich uiread. Duanadh gach aon de ar cairdean a dhichioll air aon no dha eile fhaighinn gus a ghabhail fad bliadhna, agus bi’dh e suas a bhruthach an uine gle ghoirid. “Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile.” Tha ’n Riaghladh an Ottawa an deigh fios fhaotinn a Japan gu bheil Priunnsa Yorohito Komatsue, aon de dh-ard Mhaithean na ducha sin gu bhi air chuairt an Canada an uine ghoirid. Tha ’m fios so a ciallachadh gu bheil dul aig a phriunnsa ri bhi air a dheagh fhreasdal fhad sa bhios e ’n Canada, agus chan eil teagamh air bith nach bi e sin. Chan eil duthich ann an diugh a’s iongatiche, no ’s mo tha toirt aire ’n t-saoghil ’ga h-ionnsidh fein na Japan. Bha i o chionn beagan bhliadhnichean cho borb ni gin de rioghachdan na h-Asia, agus bha ’n sluagh cho aineolach ’sa bha air an t-saoghal. Ach an diugh cha mhor nach eil i suas ri rioghachdan na Roinn Eorpa, agus chan eil teagamh nach eil i eadhon air toiseach air cuid diubh. Tha a doigh-riaghlidh a fas na’s fearr gach bliadhna, ’s tha a sluagh uile tighinn beo air doigh nas fearr na bha iad. Tha moran de sgoilean ’s de thaighean foghluinn air an cur suas, agus tha ’n oigirdh ag eiridh suas nan ginealach aig a bheil eolas agus tuigse. Ma ’s i ’n fhirinn a tha iad a cur air Morair Rosebery thanig Breatuinn agus an Fhraing na b’ fhaisge air a bhi cogadh ri cheile air an t-seachdain s’a chaidh na thanig iad riamh o am Waterloo. Mar a tha fios aig a h uile aon bha ’n Fhraing a cur gu cruaidh ri Siam, agus cha Breatuinn a gabhail oirre bhi air taobh seach taobh gus an d’fhas an Fhraing ro dhalma buileach agus gu’n robh i dol a chreachadh Siam le a crothadh a stigh air chor ’s nach faigheadh soitheach ceannachd aona chuid a mach no steach. Nuair a thuig Breatuinn mar a bha chuis, chuir i fios thun na Frainge nach robh ise dol a cheadachadh a leithid idir, gu ’m feumadh a cuid shoithichean-se faighinn a stigh ’sa mach ’s na h-acarsaidean mar a b’ail leotha. Cha robh aig an Fhraing an sin ach aona chuid geilleadh no dol a chogadh, agus gu fortanach dhi fein s do rioghachdan eile roghnich i geilleadh. Tha mar sin gach duil a bha aig an t saoghal ri cogadh air falbh, ’s tha coltas cho sitheil air rioghachdan na Roinn-Eorpa an diugh ’sa bha orra riamh. RODAN NO LUCH. Bha caraid ann uair a bha posda fad aireamh bhliadhnichean, agus bha iad cho cordte ’s cho sitheil ri cheile ’sa b’urrinn do dhithis a bhith. Cha robh strith no aimhreit no ard-bhruidhinn ri chluinntinn nan tigh. Ach aon fheasgar ’s iad nan suidhe ri taobh an teine, ruith beathachan beag a mach o chul an t-simealair, chuir e cuairt air an rum ’s chaidh e as an t-sealladh ann an cuil eile. “O! nach faic thusa ’n rodan!” ars an duine. “Cha bu rodan a bha ’n sid,” ars a bhean, “ach luch.” “Luch,” ars esan, “saol nach fhainichinn fhin luch.” “Cha do dh-aithnich thu ’n uair ud i co dhiu,” ars ise. “Tha mise ’g radh riut gur e bh’ann rodan,” ars esan. “Tha mise ’g radh riut-sa nach bu rodan a bh’ann idir, ach luch,” ars ise. Chaidh an ceol air feadh na fidhle air ball, agus dh fhas an trod cho searbh ’s cho salach ’s nach b’urrinn daibh dad a dheanamh ach dealachadh, agus bha iad mar sin a tamachd air leth fad da bhliadhna. Ach aig ceann an darra bliadhna, dh-aontich iad a dhol a chumail an taighe aon uair eile. Agus a cheud fheasgar a chuir iad seachad ’san tigh cha robh cion seanachis orra. Mu dheireadh thall, thuirt fear an taighe, ’s fiamh a ghaire air, air dha bhi smuaineachadh cho gorach ’sa bha e fein sa bhean ’san am a dh fhalbh, “O,” ars esan, ‘nach beag tuir a bh’aginn fhein nuair a chaidh sinn a dhealachadh air sgath rodain. Nach bu sinn e nach robh, cho coma de’n rodan ’sa bha esan dhinne.” “Ach” ars ise, “cha be rodan a bh’ann, ach luch.” “Gu de “math dhuit a bhi ’g raitinn sin” ars esan, “tha mise lan-chinnteach gu’m b’e rodan a bh’ann.” “Ma ta, tha mise lan chinnteach gu’m b’e bh’ ann luch, ’s cha toir thusa no fear eile a chreidsinn orm nach b’e.” Ma bha trod aca roimhe ’s ann a nise bha ’n trod ceart aca. Be’n co-dhunadh a thanig air gun do dhealich iad, agus ma chaidh iad a dh-fhuireach cuideachd riamh an deigh sin cha chuala sinne e. STANDARD Life Assurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so..........$109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 45] [Vol. 2. No. 7. p. 5] ORAID GHAILIG. (Air a leahtuinn o thaobh 2) fhoghlum o bheachdan faoine agus amaideach an t-sluaigh a bha ann o shean. Tha iad so ag radh nach ’eil e a chum feuma sam bith dhuinn a bhith ’cumail uan sgeulachdan ’s nan giosragan ’s nam beachdan ’s nan oran a bh’ aig ar sinnsear air chuimhne. Ach tha moran gliocais air fhilleadh a steach anns gach ni a tha air chuimhne againn mu dhoighean agus mu chleachdaidhean nan Gaidheal. Nam biodh uine gu leor agam gu iomradh a thoirt air, rachadh agam air so a dheanamh soilleir gu leor do gach aon a thuigeas a’ Ghailig. Ach goirid ’s mar a tha ’n uine bheir mi iomradh air ni no dha a chuireas solus air a’ phuinc so. Anns an am a dh’ fhalbh bha moran a’ creidsinn nam biodh neach a’ dol air cheann gnothaich ’s gum fagadh e ni sam bith an dichuimhn, ’s gun tilleadh e air ais ga iarraidh, nach fhaigheadh e a ghnothaich a dheanamh an latha sin. Bha moran a’ toirt lan-chaeideas do’n bheachd so, ach bha cuid eile dhe ’n t-sluagh nach robh a’ toirt geill sam bith dha. Ach ciod e an teagasg a tha air fhilleadh a steach ann? Tha so, gu’m bu choir do gach aon a bhiodh a’ dol air thurus no air cheann gnothaich an aire thabhairt nach fhagadh e ni sam bith an dichuimhn an am dha bhith falbh. A rithist, bha moran air an teagasg a bhith ’creidsinn, nan sealladh iad nan deigh an am dhaibh a bhith ’siubhal troimh ’n duthaich air an oidhche, gu faiceadh iad sluagh an da shaoghail ag imeachd as an deigh. Anns an am ud cha robh rathaidean mora troimh ’n duthaich mar a th’ ann a nis, agus nam biodh daoine oga, amaideach ag amharc ’nan deigh an am dhaibh a bhith falbh na h oidhche bhiodh iad ann an cunnart tuiteam agus iad fhein a ghoirteachadh. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ann a chum daoine oga ’theagasg a chaidh na beachdan so agus moran bheachdan eile dhe ’n cheart sheorsa a chur an ire dhaibh o thoiseach. Bha agus tha an doigh teagaisg so cumanta ann am measg gach sluaigh. Ach ma rinn Comunn Gailig Inbhirnis moran math roimhe so faodaidh e moran tuilleadh math a dheanamh ’na dheigh so. Tha na finneachan Gaidhealach a’ togail an cinn as ur anns na bliadhnachan so. The gach finue ’nam buill de’n Chomum, agus theid aca so air an co-cluchd-cinnidh a bhrosnachadh gu eud agus gu deadh oibre ann a bhith ’nochdadh gu bheil meas aca air canain aosda nan Gaidheal. Bu choir gu’m biodh a’ Ghailig air a leughath agus air a labhairt leis gach neach do ’n aithne i. Cha’n ann mar so a tha chuis idir. Tha moran aig am bheil a’ Ghailig a’ cur cul rithe do bhrigh gu bheil iad a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu’m biodh moran soirbheachaidh aca nach ’eil aca nan do dhichuimhnich iad a h-uile facal Gailig a chuala iad riamh. Bu choir dhaibh so a thoirt fa near gu bheil na Gaidheil aig am bheil lan an cinn de’n Ghailig a’ faotainn air an aghaidh anns an t-saoghal a cheart cho math ri daoine eile, agus moran ni’s fhearr. Cha dean a’ Ghailig bochd sinn, agus cha mho a ni a’ Bheurla beairteach sinn mur ’eil a’ ghne cheart annainn fhein. Am measg nan nithean anns am bu choir do ’n Chomunn Ghailig, a reir mo bharail-sa. lamh a chur gun dail sam bith, tha aon ni sonraichte, agus is e sin, gach oidhirp laghail a thabhairt a chum ’toirt air a’ chleir, a tha ’leughadh agus a’ searmonachadh na Gailig anns an duthaich, a’ Ghailig air a’ chuid a’s lugha a leughadh gun mhearachd, agus feuchainn ri bhith ’smaoineachadh ann an Gailig an uair a bhios iad a’ labhairt ris an t-sluagh ann an Gailig. Ged a tha car de naire orm iomradh a thoirt air, feumaidh mi radh gu bheil aireamh mhor dhe’n chleir nach ’eil a’ gabhail suim sam bith dhe so. Theid iad do’n chubaid air latha na Sabaid gun a’ chaibidil a leughadh idir, agus an uair a bhios iad a’ labhairt is gann a thuigeas cuid dhe’n t-sluagh ciod a bhios iad a’ ciallachadh. So agaibh, ma ta, cuid dhe na briathran a labhair ministear aig an robh droch Ghailig. Tha e ’furasda gu leor dhuinn a thuigsinn nach b’ urrainn gu’m biodh sluagh sam bith toilichte le Gailig dhe’n t-seorsa sin. Bha cinn an t-searmoin sgriobhte aige ann am Beurla, agus bha e’ gan eadar-theangachadh mar a bha e ’dol air ’aghaidh: “Mo chairdean, anns a’ cheud aite, tha so a’ tachairt ’gu direach, agus, mo chairdean, tha e’ tachairt anns an dara aite, “gu mi-direach.” Tha dearbhadh againn gu bheil briathran a cheart cho beag seadh riutha so air an labhairt gach Sabaid ann an aite ’s an aite air feadh na Gaidhealtachd. Cha bu choir do’n chuis a bith mar so idir. Bu choir gu’m biodh gach ministear og air a chur fo dheuchainn a chum gu faighteadh mach co dhiubh b’ aithne no nach b’ aithne dha a’ Ghailig a leughadh, agus a labhairt gu cothromach agus gu ceart. Nan cuireadh an Comunn Gailig agus na Fineachan Gaidhealach a tha nis a’ togail an cinn, an casan a dh’ aon taobh, rachadh aca air na nithean so a chur air bhonn ceart ann an uine ghoirid. Tha dochas agam gu feuch iad ri so a dheanamh, agus gu’n soirbhich leotha. Buaidh is piseach leis a’ Chomunn an latha ’chi ’s nach fhaic. Bha triuir fhoghlumichean oga a mhuinntir a Bhai an Ear, na h-Urr. D. Mac Adhamh, Ioseph Domhnullach, agus Niall Domhnullach, a chur air leth air son dreuchd na sagartachd air an t-Sabaid s’a chaidh leis an Easpulg Chamaran, ann an Eaglis Antigonish. B’iad a cheud fheadhinn as an sgireachd a thug a mach an dreuchd sin. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.0 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 46] [Vol. 2. No. 7. p. 6] Tha seann chrun nan righrean Albannach air a ghleidheadh fhathast ann an caisteal Dhun-eideann. Tha daoine de’n bharail gu’n d’ rinneadh an crun so air tus do Robert Brus, an deigh do chrun na ducha bhi air a thoirt air falbh le Eideard, righ Shasuinn. Tha e air a dheanamh air or, agus tha moran de chlachan luachmhor ann, ach ’s ann a chionn e bhi air ceann a Bhrusich agus nan righrean a thanig na dheigh a tha e cho fior luachmhar sa tha e. Bha mise air mo leigheas de dhroch cnatan le MINARD’S LINIMENT. R. F. HEWSON. Oxford, N. S. Bha mis air mo leigheas dhroch bhruthadh le MINARD’S LINIMENT. FRED COULSON, Y. A. A. C. Yarmouth, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT an Ros dubh ormsa. J. W. RUGGLES. Inglesville. Tha leth-cheud mile sa h-aon de thaighean-grudaireachn air an t-saoghal, agus tha sia mile fichead diubh anns a Ghearmailt leatha fein. Tha sluagh na Gearmailte air fad ainmeil ais son na theid aca air a chur nam broinn de dheoch laidir. Leigsidh Minard’s Liniment loimdh. Cha mhor gu bheil ni air an smaoinnich duine nach teid aig luchd-ceairde ’n latha ’n diugh air a dheanamh air paipear. Tha eadhon cuibhlean nan carbad-iarinn air a dheanamh air. Nithear dorsan thaighean air moran nas fearr na air fiodh. Gabhidh iad an sin dath air coltas fiodha sam bith, agus cha suigh ’s cha sgain iad am feasda. ’Se Minard’s Liniment an leigheas a’s fearr “Agus bha thu bruidhinn ris an Diuc an raoir a Dhomhnuill,” “Bha gu dearbh, agus be fein an duine coir caoimhneil. Bha sinn a conaltradh ri cheile corr us leth-uair.” “Seadh, agus co air a bha sibh a bruidhinn re na h-uine sin!” “Ma ta, sin rud nach urrinn domh innse nhuit. ’S i Bheurla bh’ aginn agus cha robh mi fhin a tuigsinn facal.” Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. Tha call na Victoria air a dheanamh suas cheana. Chaidh long-chogidh air a cheart chumadh ’s an aona mheudachd rithe a chuir gu cuan an la roimhe. Agus tha te no dha eile dhe’n t-seorsa ’gan togail. Bha cuirt aig oifigich na cabhlich Bhreatunnach air a mhios s’a dh-fhalbh a thaobh call na Victoria, agus b’e ’n co-dhunadh gus an d’thanig iad gu’m b’e Admiral Tryron e-fein bu choireach ris an sgiorradh uamhasach leis ’n do chaill e-fein agus aireamh mhor de na daoine bha fodha am beatha. Tha e air a radh gu’n d’aidich e-fein sin ’nuair a bha ’n long a dol fodha. Bha na ceannardan eile air an coireachadh air son deanamh a reir an orduigh a thug Tryon, ach cha d’rinneadh peanas sam bith orra. Cha n eil daoine tuigsinn cho feumail ’sa tha na-eoin anns an t-saoghal so. Tha meas mor aig a h-uile neach orra air son am boichead ’s air soh an ciuil, ach se duine sa cheud a tha smuaineachadh gu bheil feum annta. Tha iad-san aig ’m bu choir fios a bhi, ag radh gu bheil aon ghobhlan-gaoithe gach latha a cur as do thri fichead mile cuileag. Nuair a smaoinicheas sinn air aireamh nan eun bhoidheach sin, ’s an uine tha iad ’san duthich, ’s ann a thuigras sinn gu de phlaigh uamhasach a tha iad a cumail uain. Tha Minard’s Liniment math da’n fhalt. Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na K. D. C Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c us 50c am botull. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Donghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 47] [Vol. 2. No. 7. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D. Bha nis a chamhanaich ann; is gann a bhite Talamh Dearg agus Tomas. Dh’ fheith an “Gealladh” ghairm an Teachdaire, thog oiteag an anamoich cirein air an uisge. Thubhairt athair ri Tomas: “feuch a nis an t-am taitneach; feuch, a nis la na slainte.” Fhreagair esan “Fathasd tamull beag measg na ’n creagan so, air am bheil sgriobhta nithean chuireas iongantas air an t-saoghal.” “Ciod ’math ni iongantas a’n t-saoghail dhuit-se, a mhic, ma bhitheas usa agus an saoghal air ur sgrios comhlath?” “Cha neil mi faicinn comhairiean sgrios,” arsa Tomas. “Nach d’ innis Dia dhuit mo mhac, gu’n teid sgiamh’ an t-saoghail so seachad?” Theagamh, fhregair Tomas le sealladh glic; “ach tha daoine foghlumte ag radh nach robh toiseach aig an t-saoghal, agus nach bi crioch aige.” A Thomhais! A Thomais! thubhairt athair, nach eil fios agad-sa gu ’m bheil gliocas an t-saoghail so na amaideachd an sealladh Dhe? Bi glic, ’se nis la na slainte. “Tha moran bhliadhnachan romham fathasd,” thubhairt an t-oganach, gabhan “Sgeul a Mhor Aoibhneis air an ath turus.” “Carson nach deanamaid a chuid is fearr de’n da shaoghal?” Thionndaidh Aithair gu bronach air falbh, ag radh, biodh t’fhuil air do cheann fein. Nuair chaidh Talamh Dearg air bord a “Gheallaidh,” shaol leis gu ’m fhearr dha seasamh direach, ged dh-iar an Teachdaire air suidh sios. Aig a cheud sgriob thug na raimh, cha mhor nach do thuit e thairis, ghreimich e air taobh a “Gheallaidh,” agus theab e cuir thairis; bha e, uime sin, lan thoileach an suidheachan a b’ isle ghabhail. Thainig na h-uile bha air bord ga fhaicinn tighinn a steach “Sgeul a Mhor-Aoibhneis.” Bha samchair shonruichte nuair sheas Talamh Dearg fa chomhair an Tighearna, chrom se e fein dh-ionnsuidh a chlair-uachdair, agus thubhairt e: “Cha’ nairidh mi gu’n goirte do sheirbhiseach diom.” Fhreagair Imanuel e gu grasmhor; “imich a steach do aoibhneas do Thighearn.” A thuilleadh air so thubhairt e ris, “Ciod a’s ainm dhuit?” Nuair dh-innis Talamh Dearg dha, fhreagair esan. Cha ghoirear Talamh Dearg dhiot nis mo, ach se “Criosduidh” a’s ainm dhuit; uime sin dh-ung Dia, do Dhia-sa, thu le oladh aoibhneis os ceann do chompanacha. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Seall an aireamh so dhe’n MHAC-TALLA do d’ choimhearsnach, gun fhios nach cuireadh e ’ga iarridh dha fein. Mur eil thu gabhail a MAC-TALLA tha lan am agad cur ga iarridh. Cha n-eil e ach dolar sa bhliadhna. ’S suarach sin an tace ri paipear Gailig a bhi ’gad’ ruigheachd a h-uile seachdain fad na bliadhna. AN LEIGHEAS A’S FEARR.—Bha mise gle dhona le laige, cion caile, ’s cion cadail, agus fhuir mi B. B. B. na leigheas na b’fheair na dh-fhiach mi riamh air son a leithid MRS. HEASLIP, Toronto, Ont. ’Se ’n duine dh-innseas do choire dhuit an aon charaide ’s fearr a th’agad, agus ged is e fhein, cha n-eil duine air an t-saoghal a b’fhearr leat gabhailair. THA IADSAN UILE air a bheil curam cloinne ag radh nach eil ni coltach ri Dr Fowler’s Extract of Wild Strawberry air son gach tinneas samhridh, gearrach, greimeannan, cholera morbus, cholera infantum, ’s an leithide sin air cloinn. “Eirich, Uilleam, eirich! nach eil nair ort fhein a bhi san leabidh cho fada. Tha na h-eoin air an cois o chionn fhada.” “Ma ta,” ars Uillean, “na’m bithinn-sa a cadal air leaba air a deanamh air maidean ’s air fodar, bhithinn air mo chois o chiom fhada cuideachd.” TIGH SOLUIS SHAMBRO. Tha Mr. R. E. Hart a sgriobhadh a Sambo, N. S., mar a leanas; “Gun teagamh sam bith rinn B. B. B. feum mor dhomh. Bha mi tinn, lag ’s gur chail, ach rinn B. B. B. mi cho slan ’sa dh-iarrinn. Nan robh fhios air an leigheas” Chaidh sia dotairean uair a chur deuchinn air duinne air a robh coltas a bhi as a rian. Bha triuir dhiubh a theireadh gu robh e as a cheill cinnteach gu leor, ’s bha ’n triuir eile cheart cho cinnteach nach robh. An deigh dhaibh a bhi fad seachdain a deasbuireachd ’sa consachadh fhuair iad a mach gur ann a bha iad ag obair air an duine chearr. Tha Miss A. L. Schooley, Sparta, Ont., a sgrobhadh,—“Bha droch Stamag a cur dragh orm fad tri bliadhna, agus bha mi tric a fulang pian mor. Dh-fhiuch mi moran leigheasan gun faochadh sam bith fhaotinn. Chunnaic mi K. D. C. air a mholadh am paipear naigheachd agus chuir mi ’ga iarridh, agus an uine ghoirid bha mi air mo leigheas. Tha mi ’n dochas gu’m fiach gach aon air am beil an tinneas so K. D. C.” “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 48] [Vol. 2. No. 7. p. 8] MAC-TALLA. Tuireadh Nighin air son a Leannain ann an tir Phictou. (LEIS AN URR. D. B. BLAIR.) LUINNEAG. Thug mi gaol, gaol, gaol, Thug mi gaol do’n fhear bhan, Thug mi luaidh dhuit a ghaoil, Och chan fhaod mi bhi slan. Och is mise tha fo leon! ’S mi ’nam onar an tras: ’S cruaidh leam aobhar mo bhroin, Fhuair mo Dhonullach bas! Shiubhlainn leat air feadh an t-saogh’l ’S luchd mo ghaoil air mo chul; Nam biodh tusa ri mo thaobh Bhithinn aotrom fo shunnd. Shuibhlainn leat air muir us tir, Feadh nan Innseachan thall; Nam biodh tusa na mo choir Cha bhiodh leon orm no call. Ach a nis bho’n chaidh tu eug Bidh mi deurach do ghnath; Och! Is trom air an fheur Bhios mo cheum h-uile la. Ged a sheasas mi aig d’ uaigh, ’S bronach truagh leam an t-ait; Cha bhi choinneamh ud ach cruaidh, ’S tus’ am fuar-ghlaic a’ bhais. A nionaga nan leadan donn, Feadh nan tom so tha tamh, Deanaibh maille rium co-bhron, Oir cha bheo fear mo ghraidh. O! nach gabh sibh rium-sa truas, ’S mi gu truagh air mo chlaoidh, Cosmhuil ris a’ chaillich-oidhch’, Feadh nan coilltean a’ caoidh. A nigheana na Beinne Guirm, Cha chuis-fharmaid mi fein, Bho’n nach faic sibh fear mo ghaoil, Ri mo thaobh air an fheill. Nuair a bhios mi ann am shuain. Bidh mi bruadar gun tamh Air an oganach shuairc, Bha na b’ uaisle na cach. Chuir mi umam culaidh bhroin, Ged bu neonach an gnath; ’S tha mi cianail gu leor Ged nach eol sin do chach. Tha mi fasgadh nan dorn, Air mo leon ’s air mo chradh, Bho’n nach ’d fhuair mi bhi posda Ri oigear mo ghraidh. Tha na leumadairean feoir an deigh am fiar ’s an cruinneachd a thur mhilleadh ann an coimheasnachd Belfast,gai>, an Eilean-a-Phriunnsa. Tha am t-aite air ’n do ruith iad seachd mile dh-fhad agus mu cheithir mile a leud. Tha na machraichean air am fagail cho lom ri urlar taighe. BATHADH AIG GRAND RIVER.—Di-ciadinn air an t-seachdain s’a chaidh bha duin’ og, Coinneach Mac Aoidh maille ri athair agus dithis eile ag iasgach aig aite ris an abrar an Rudha Dubh. Bha iad a togail acaire bata gus a thoirt gu tir agus nuair a bha iad gu falbh leis chaidh an rop a bha ’n ceangal air an acaire air aimhreit agus b’fheudar daibh a leigeil as. Laidh cudthrom an acaire uile air an darra taobh de’n bhata agus chuir e car dheth, a tilgeadh nan ceathrar do’n uisge. Ghreimich iad uile ris a bhata ach Coinneach Mac Aoidh. Thug esan ionnsidh air snamh gu bat’ eile a bha faisg air laimh, ach mu’n robh e ach beagan us leth an astair chaidh e fodha. Thanig e air uachdar uair no dha an deigh sin ach cha robh duine ann a b’urrinn a chuideachadh. Bha athair ’s an dithis eile an crochadh ris a bhata ’ga fhaicinn ach cha robh dad ann ach gun deachidh aca air iad fein a shabhaladh. Fhuaras corp a ghille bhochd an ath latha, agus bha e air adhlacadh Di-sathairne. Bha brathair dha air a bhathadh o chionn seachd bliadhna faisg air a cheart aite, mu thri cheud lats bho thir. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 49] [Vol. 2. No. 8. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-STHAIRNE, OGUST 19, 1893. No. 8. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Shalbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chaidh fear oibreach da’m b’ ainm Aonghas Buchanan a mharbhadh aig Meinnean Chaledonia air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh a bhruthadh gu dona eadar da charbad ’s cha robh e beo ach beagan uine na dheigh. Leth-cheud bliadhna roimhe so chaidh am fearann air a bheil Chicago air a thogail a reic air son coig ceud dolair ’sa coig, An diugh ’s fhiach am fearann sin coig muillein dolair, ’s tha e ’fas nas luachmhoire a h-uile latha. Tha ceann a deas Shasuinn air dhroch caradh an drasd le plaigh speachan. Dh-fhas iad lionmhor ris an t-side theth agus a nise tha iad a gabhail do’n daoine ’s do na h-ainmhidhean. Bha moran de na caorich air an lot gu bas leotha. Chaidh seann duine mhuinntir Brookfield, N. S., da’m b’ainm Alasdir Nelson air cheilidh air caraide dha an la roimhe agus an deigh dha bhi beagan uine na thigh, thuit e marbh. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh-aois. An la roimhe, chunnic Mrs. Hammon, Hamilton, Ont., nighean bheag leatha fein a cleasachd air an rathad-iarrinn, ’s na carbadan a tighinn nan deann. Thug i ionnsidh air a phaisde thoirt as an rathad, ach thanig an carbad orra, agus mharbh e ’n dithis aca. Tha ’m paipear-naigheachd a’s sine air an t-saoghal air a chuir a mach am Pekin, baile-mor China. ’Se ’s ainm dha “King Pan,” agus thanig a cheud aireamh dhe a mach ’sa bhliadhna 911. Bha e air a chur e mach uair ’san t-seachdain riamh o’n bhliadhna 1312, coig ceud us ceithir fichead bliadhna roimhe so. Thachir ni gle mhuladach aig Baoghasdal feasgar Di-luain. Chaidh nighean og, piuthar do Niall Mac Neacail, ceanniche, a mach feasgar a dh-iarridh bo a bha air chall. Cha danig i dhachidh cho luath sa bha duil rithe agus chaidh iad a shealltuinn air a son agus fhuair iad i pios bho’n tigh, marbh. Chan eil teagamh nach be tinneas a chridhe a thug a bas. Cha robh i ach naoidh bliadhna deug a dh-aois. Nuair a ranig an soitheach-smuid “Worcester,” Halifax maduinn Di-luain s’a chaidh, air a turus a Boston, bha toll mor na toiseach. A tigh’nn a mach a acarsaid Bhoston, bhuail i ann an soitheach eile, agus chaidh roinn mhath de mhilleadh a dheanamh oirre. Chaidh an toll a stopadh air ball agus sheol i gu sabhailt gu Halifax. Bha corr us tri cheud duine air bord. Tha ceud bhean an Dotair Buchanan ann an New York, ’s tha e air a radh gu bheil i gle bhochd na cranchar. Tha i ’sgriobhadh gu cairdean ann a Halifax air son cuideachadh. Mas fior an sgeul chan eil aice ri ithe ach aon bhiadh san latha. Shaolamid gun toireadh iad-san a tha toirt nan dinnearan greadhnach don dotair fein cuimhne uair no uair-eigin air a bhean. ’Si b’airidhe air an caoimhneas. Tha de Ghaidhil ’s de leughadairean Gailig ’san duthich so na chnmadh suas deich paipearan nan rachadh iad an guaillibh a cheile. Cha n-fhaod e bhith, ma ta, nach feuch iad ri aon phaipear a chumail beo. Tha h-uile duine a tha gabhail a phaipear so ’s ga phaigheadh a deanamh a chuid gu canain nan Gaidheal a chumail beo, ’s tha gach duine nach eil ga ghabhail no nach eil ga phaigheadh a deanamh a chuid fein gus a leigeil bas. Chaidh ceathrar ghillean oga a ghlacadh an Sidni-a-Tuath air son airgiod a ghoid a stor le Mr. A. Tadini. Cha be so a cheud uair a rinn iad a mheirle, agus bha lan am casg a chuir orra. Dh-aidich triuir de na gillean gu robh iad ciontach, agus chaidh a dhearbhadh air an fhear eile. Fhuair an dithis a b’ oige dhiubh an cur do’n phriosan an Sidni-a-Tuath fad da sheachdain, agus fhuair an dithis bu shine mios de’n phriosan an Sidni. Tha fios a Newfoundland ag innse gu’n do bhrist beinn theine mach air cladach Labrador mu thri cheud gu leth mile tuath air St. John’s. Bha iasgairean ag iasgach a mach o’n chladach agus chunnaic iad cnoc ard as an ceann ua lasair theine. Air dhaibh a dhol gu tir fhuair iad gu robh fosgladh mor anns an talamh agus lasraichean mora a bruchdadh a nios as. Bha ’n teine ri fhaicinn gu soilleir ceithir mile mach air a chuan. [TD 50] [Vol. 2. No. 8. p. 2] AM FEAR A GHOID EACH AN EASBUIG. Bha gille Albannach, da’n b’ainm Iain, aig duine uasal ann an Lunninn, bho chionn iomadh bliadhna a bha air a chunntas na fior gille tapaidh. Bha e fhein s’a mhaighstir air latha airid air chuairt is co thachair orra ach Easbuig a mhuinntir Luinninn. “Nach briagha an t’ each a th’ aig an Easbuig, le’r cead, a mhaighister,” “Seadh, a laochain,” ars ’a mhaighstir, “tha an t’ each is fhearr ’an Lunninn aige.” “Saoil thu,” ars’ Iain, “ciod e ghabhadh e air an each na’n reiceadh e e.” “Uh, amadain,” ars’ an mhaighstir, “shaoil leam gur balach ceart a bh’annad, is iomadh fear a dh’fheuch ris an each ud a cheannach ’us dh-fhairtlich orra fhathasd.” “Tillidh mise ’us feuchaidh mi ris” ars Iain. Thill a mhaighstir comhladh ris a dh’fhaicinn. Is ann air Diar-daoine a thachir so. Thubhairt Iain ris an Easbuig, an reiceadh e an t’each. Ghabh an t’Easbuig ardan us’ miothlachd, us cha robh e creidsinn gu’n ceannaicheadh esan e. “Mata ciod e am beathach bhitheadh agadsa na aig duine eile nach fhaodar a cheannach?” ars, Iain. “Bhuraidh gun tur,” ars’ an t’ Eisbuig, “tha thu amaideach, falbh dachigh, cha cheannaich thu m’ each-sa.” “Ciod e an geall a chuireas tu,” ars Iain, “nach bi e agamsa an maireach?” “Ne m’ eachsa bhitheas agad?” ars an t’ Easbuig. “Is e d’eachsa bhitheas agam.” ars Iain “ciod an geall a chuireas tu rium nach goid mi e?” “Cuiridh mi coig ceud marg riut,” ars an t’ Easbuig, “nach dean thu sinn.” “Mata chan ’eil agamsa ach aon phunnd ach cuiridh mi sin, ’us mo cheann riut gun goid mi e,” ars Iain. “Is bargan e,” ars an t’Easbuig, “Thoir an aire tha mi cur mo chinn agus am punnd riut, agus ma ghoideas mise e, is e mo chuid fein a bhitheas ann,” ars Iain. “Bithidh e mar sin cinnteach,” ars an duine-uasal. Tha mi ag aontachadh ri sin,” ars an t’ Easbuig. Chaidh iad dachigh an oidhche sin. “Mo ghille bochd, bha thu cordadh gu maith rium on fhuair mi thu. Tha mi duilich do chall a nis. Tha thu amaideach, Bheir an t’ Easbuig an aire nach goid thusa na fear eile an t’ each;.cumaidh e faire maith air.” ars a’ mhaighstir. Dh’fhalbh an gille ’n uair thainig an oidhche a’s chaidh e gu tigh an Easbuig; fhuair e mach gu robh an t’each stigh ann an seomar aige, agus daoine ann an sin ’ga chaithris ag ith ’us ag ol. Sheall Iain timchioll air ’us smuainich e gu’m feumadh e fear tapaidh eile fhaighinn comhladh ris. Suil da’n d’thug e uaithe, chunnaic e fear a bitheadh ri cran daonnan feadh a bhaile. “Ma theid thu comhladh riumsa beagan uine, bheir mi rud eigin duit airson do shaothrach” ars Iain. “Ni mi sinn,” ars a fear eile. Dh’fhalbh iadsan ’us air a cheud dol a mach rainig iad an crochadair, a bha sa bhaile. “An urrainn thu innseadh dhomsa,” ars Iain “c’aite am faigh mi duine marbh?” “Is urrainn, chaidh duine a chrochadh an duigh fhein an deigh mheadhoin-latha,” ars an crochadair. “Ma theid thu us gu’m faigh mise e,” ars Iain, “paidheadh mi thu gu math.” Dh’fhalbh e leis ’us rainig iad an corp. “An aithne dhuit a nis,” ars’ Iain, “c’aite am faigh mi rop mor fada, laidir?” “Is aithne dhomh sin,” ars’ an crochadair, “tha an rop a chroch an duine an so goireasach dhuit ’us gheibh thu e.” “Dh’fhalb iad leis, ’us thug iad leo e. Chaidh iad gu tigh an Easbuig. Thubhairt Iain ris a gille nuair a rainig e, “fuirich thusa an sin ’us thoir an aire da so, ach an d’theid mise suas air mullach an tighe.” Dh’fhuirich an gille, ’us chaidh Iain suas air mulaich an tighe. Chuir e bheul ’us a chluas ris an t’siomalair ach a faigheadh e math c’ aite an robh na daoine, a bha chmail faire air an ’each, agus aig an robh ard-bhruinnin ’us orain leis an ol. Fhuair e mach far an robh iad, agus thuairt e ris an ghille: “Cuir an rop tiomchill air amhaich an duine mhairbh, ’us tilg an ceann eile aig ormsa.” Shlaod e an duine marbh leis gu mullach an t’siomalair. Bha na daoine bha ’s an t’seomar a’ faireachduinn na bha de shalachar ’s an t’siomalair a tuiteam. Bha Iain a leigeadh sios ’s a leigeadh sios an duine mharbh gus am faca e an solas briagha bha aig luchd na faire’ tighinn air casan a duine mharbh. “Fascibh,” ars iadsan, “ciod e tha so. “Oh! am meirleach Albannach,” ars am feir eile, “nach e thug an oidheirp! B’fhearr leis a bheatha chall mar so na a ceann a bhi aig an Easbuig.” Nuas bhar mullach an tighe a bha Iain le mhor chabhaig: am meadhon nan daoine e a stigh ’us nuair a thainig an t’each mach air an dorus be a’ cheud laimh a bha srian an eich, lamh Iain. Dh’fhalbh e leis an each da’n stabuil ’us thuirt e riu gu’m feudadh iad nis dol a chadal, gu robh iad sabhailt gu leor. “Tha mi creidsinn,” ars Iain, ris a gille eile, gu bheil thu ’n ad ghille tapaidh, bi aig lamh an ath oidhche ’us chi mi ris thu.” Phaigh e an gille, ’us bha n gille ro thoilichte. Dh’fhalbh Iain dachigh gu stabull a mhaighstir le each donn an Easbuig. Ghabh e mu thamh, ’us ge bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaighstir gu dorus an stabuill. “Cha bu ghearan leam mo shaothair na’m bitheadh m’ Albannach BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun 1, 1883. A CHARAID Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain. ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall), far am faigh thu Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. [TD 51] [Vol. 2. No. 8. p. 3] bochd romham an so an diugh.” Tha mi ann a’ so, a mhaighstir, maith” ars Iain, “agus each donn an Easbuig agam.” “Ud! mo gille maith,” ars an mhaighstir, “bha meas agam ort roimhe, ach tha meas mor a nis agam ort.” B’e so Di-haoine, agus nuair a chur iad gnothaichean eile air doigh fhalbh iad an choinneamh an Easbuig. “Nis” ars Iain, “dh’ fhalbh mi gun each an de, ach cha’n fhalbh mi mar sin an duigh.” “Ma tha, a bhallaich ’on a fhuair thu fhein an t’ each bheir mise diollaid duit,” ars an mhaighstir. Dh’fhalbh Iain ’us am mhaighstir an coinneamh an Easbuig, each ’us diollaid aig gach fear. Chunnaic iad an t’Easbuig a tighinn ’n an coinnimh ’us coltas a gnothaich air. ’Nuair a thainig iad an lathair a cheile, chunnaic iad gu’n robh an t’ Easbuig air muin eich eile nach robh cho maith idir ris an each donn. Chaidh an t’ Easbuig sa’ ’n duine uasal an coinnimh a cheile le failte. Thionndaidh an-t’Easbuig ri Iain: “Shlaoftir, ’us a dhearbh mheirlich,” ers esan, “Cha’n urrainn thu sin fein a radh rium le ceartas, thaobh, dh’innis mi dhuit gu’n robh mi dol g’a deanamh; gun tuilleadh de do sheanachas cur an so mo chuig ceud marg am ionnsuidhse.” B’eigin d’a sin a dheanamh ged nach robh e toileach. “Ciod a their thu,” ars Iain, “ma ghoideas mi do nighean an nochd?” ’Se aon nighean a bh’aige ’us cha robh na bu briaghe na i an Luinninn. “Mo nigheansa,” ars an Easbuig, “Cha ghoid thu mo nigheansa. “Cuiridh mi,” ars Iain, “na cuig ceud marg a thug thu dhomh ’us an t’each donn gu’n goid mi i.” “Cuiridh mise deich ceud marg nach ghoid,” ars an Easbug. Rinn iad cordadh. Dh’fhalbh Iain ’us a mhaighstir dhachigh. “Mo dheagh sgalaig,” ars a mhighstir, “bha mi ’a saoilsinn gu math dhiot uaireigin, ach rinn thu turn amaideach a nis, nuair a fhuair thu thu fhein ceart.” Coma leibhse, mhaighstir mhath,” ars Iain, “bheir mi an ionnsuidh co dhiubh.” ’Nuair thainig an oidhche, thog Iain air, us chaidh e air falbh gu tigh an Easbuig. Nuair a rainig e tigh au Easbuig, chunnaic e duine uasal tighinn mach air an dorus, “Oh,” ars Iain ris an duin’ uasal; “Ciod a tha so aig tigh an Easbuig an nochd?” “Tha gnothuch mor, sonraichte,” ars an duin’ uasal, “Albannach mosach tha an sud, agus e maoidheadh a nighean a ghoid. Gu dearbh cha ’n eil gin an Albainn a ghoideas i leis an fhaire a th’ oirre.” “Uh, tha mi cinntich nach ’eil,” ars Iain, agus thionndaidh e uaithe. “Tha fear an Sasunn an drasd,” ars Iain ris fhein, “a dh’fheumas feuchainn ris co dhiubh”! Tha Minard’s Liniment math da’n fhalt. An Reiseamaid Gaidhealach. Tha caismeachd air feadh na tire gu bheil cruinneachadh mhor Ghaidhealach r’ a cumail ann am Baile Toronto, air seachdain bho di-Sathuirne sa tighinn (an naoidheamh la deug de’n mhios so) fodh thearmunn na reiseameaid Ghaidhealach, aig am bi duaisean airson piobaireachd, nan dannsan Gaidhealach, an deise Ghaidhealach, cur na cloiche, tilgeadh a chabair, an uird, agus cleasan neirt eile a bhuineas do na Gaidheil. Bithidh na duaisean mor agus bithidh cliu an luchd a choisinneas iad iomraiteach, a chionn ’s gu’m bi an cruinneachadh speiseal am measg cruinneachaidhean Gaidhealach na tire. Bithidh ullachadh sonraichte air a dheanadh airson na muinntir a bhitheas a lathair agus tha e coltach gu’m bi toil-inntinn air a chuideachd. Air an fheasgair cheudna bithidh coinneamh chaidreach aig Comunn Gaidhlig Toronto aig am bi diulanaich an latha nan aoidhean. Bithidh ceol ’us dannsa, us oraidean ann; agus an deigh sin bithidh suipeir air a riarachadh aig am bi deochan slainte Gaidhealach air an ol. Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Chan eil fhios nach faodadh an Victoria a bhi air uachdar an uisge fhathast. Tha Eadailteach seolta an deigh innleachd a dhealbh leis a bheil e an dochas a bhi comasach air am long a thogail a grunnd a chuain. Co dhiu theid leis no nach teid tha e cur roimhe ionnsldh a thoirt air. COCAIRE MATH.—Cha toir cocaire math dhuinn uair sam bith biadh nach gabh cnamh. Ach tha na cocairean matha gann agus air an aobhar sin, tha moran ann nach eil a cnamh am bidh. Ach faodidh tu biadh sam bith ithe agus na thogras tu dheth ma bhios tu a gabhail Burdock Blood Bitters, an leigheas a’s ferrr air son gach meur de na h-euslaintean sin. ’Se Minard’s Liniment an leigheas a’s fearr Nuair a chluinneas tu duine ’bruidhin mar gu’m biodh fios aig air h-uile rud, faodidh tu bhi cinnteach gur e duine cho aineolach sa thachair ort riamh agus gu mair e mar sin ri bheo, ach ma’s ann a gheobh thu e de’n bharail nach eil fhios aig air ni sam bith, is duine e aig a bheil beagan foghlum ’s a tha gach latha ’g, oidhearpachadh air tuilleadh a chuir na cheann. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 52] [Vol. 2. No. 8. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OGUST 19 1893. Bha ’n t-Urr. Calum Caimbeal, Strath-Alba, an Eilean a-Phriunnsa, air chuairt ghoirid an Ceap Breatuinn e chionn ghoirid. Bha e ’n Sidni latha no dho air an t-seachdain a’s chaidh, agus rinn e ceilidh bheag an ofig a MHAC-TALLA. Bidh Mr. Caimbeal gu tric a sgriobhadh ’dh-ionnsidh a phaipear so, agus cha ’litrichean a ghnath toilichte. Tha sinn an dochas nach fhada gus an cluinn sinn maithe rithist. Tha aireamh bheag d’ar leughadairean nach d’ fhuair MAC TALLA na seachdain s’a chaidh, ’s tha sinn cinnteach gum bu toigh leo fhios a bhi aca car son. Bhrist an inneal clo-bhualidh mas robh an aireamh abhaisteach a mach agus cha ghabhadh i leasachadh aig an am. Air an aobhar sin cha robh paipearan gu leor aginn ’s tha eagal oirnn gu bheil cuid a gearain. Bidh sinn fada ’n comain duine sam bith a chuireas thuginn aireamh na seachdain s’a chaidh an deigh dha fein a leubhadh, a chum a chur gu neach eigin nach d’ fhuair e. Air an turus mu dheireadh a thug an St. Pierre eadar so us Newfoundland, chunnaic iadsan a bh’ air bord muc-mhara mhor anns an uisge ’si a reir gach coltais marbh. Dh-fhalbh bata-smuid a Cow Bay air a toir agus thug iad gu tir i. Bha i suas ri ceithir fichead troigh a dh-fhad, agus thoimhseadh i a reir am barail-sau a fhuair i ceud gu leth tunna. Tha daoine a nis ag obair air a gearradh suas ’sa toirt na h-olla dhi. Chan ann gle thric a gheobhar muc cho mor air na cladaichean so. Tha paipear-naigheachd a New Zealand ag innse mu bhas Caiptean Donnachadh Mac Coinnich aig Waipu air an 29mh latha de Iun. Rugadh e an Eilean a Phriunnsa ’sa bhliadhna 1807. Bha athair aig an am sin ri ceannachd san eilean agus rinn e beairteas ann, ach an ceann beagan bhliadhnichean chaidh e air ais do dh-Alba, far ’n do dh-ionnsich a mhac Donnachadh an t-seoladaireachd. Nuair a bha Donnachadh mu shia bliadhna fichead a dh-aois thog e air gu America, agus bha e ’seoladh ’sa ceannachd mu chlaidichean Nova Scotia us Cheap Breatuinn uine fhada. ’Sa bhliadhna 1851 dh-fhalbh e maille ri bhrathair ’s ri feadhain eile gu Australia, agus a sin gu New Zealand far an d’ fhuair iad fearann air son aiteach. Riamh o’n chaidh e gu New Zealand, bha e seoladh ’sa ceannachd, ’s aig am a bhais bha aireamh de shoithichean aige dha fein. Bha e na dhuine firinneach, onarach, air an robh meas mor aig na h-uile. Bha e treis na fhear-parlamaid ’s an t-siorramachd ’san robh a chomhnuidh. Tri bliadhna romh ’bhas chaill e a fhradharc. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa sia a dh-aois. An Leanabh [?]each ’s na Brogan. Bha duine coir ann an Tigh-nan-Cnoc aig an robh leanabh bochd, crion, seargta nach d-fhuair riamh as a’ chreadhail. ’Se bu bharail do na coimhearsnaich gur ’h-ann a chaidh am paisd a “thoirt as” ’s nach robh anns a’ chreadhail ach duine sith. Co dhiu, thainig greusaich an rathad, la, agus an tuathanach, ’sa chuideachd ’s an achaidh a buain. Chaidh e stigh; ’s an deigh beagan conaltraidh dh-iarr an leanabh air a’ ghreusaiche paidhir bhrog a dheanamh dha, ’s gun cluicheadh e port air a’ phiob mar dhuais air an son. Chord iad mu’n ghnothuch, ’s shuidh an creutair anns a’ chreadhail ’s sheid e suas am mala ’sa mach sgal am feadan, ’s thoirm na duis, gus an robh an tigh lan de cheol nach cual fear nam brog riamh a leithid. Sheid is chluich is char an sithiche gus am beag nach robh a fear ’bha ’g eisdeachd a speirean a chinn leis an toilinntinn a bh’ aige. “Nis’ ars fear na piob, “an dean thu na brogan domh?” “Is mi ’ni” ars an greusaiche, “ach feumaidh tu innseadh dhomh ’d e mar a ni mi iad.” “Ni thu” ars am fear eile:— Brogan bileach, baileach, beul-dubh, O dhrium leathar nam bo, O shar leathar nan aighean; Farra-bhuinn a steach, gearra-bhuinn a mach, Buinn fhada, dhireach nan sineadh eatorra sin; Buillt chiar-dhubh, dhonna, o’ chirean an droma, Snathain caol reidh, guin gheur, tarraing air eigin. Lamh deadh fhoghlum ga ’m fuaigheal, Na faiceadh am bonn an t’athar no’n t’uachdar an talamh; Buanas broig fir eilein, eireachdas broig mhic righ ’S ged a bhuaileadh i air a chreag Gum bu mhiosa do’n chreig na dhi. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chiateachaidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so..........$109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 53] [Vol. 2. No. 8. p. 5] Facal Bho’n Chamus. Chi mi an drasd’ agus a rithisd cunntas air a thoirt seachad mu Chomuinn Ghaidhlig Inbhirnis, Toronto agus aiteachan eile. Is ro thaitneach, ga rireadh, cairdean na Gaidhlig ’bhi dol cruinn mar so, uair no dha anns a’ bhliadhna, ’toirt meas ’us onair do chainnt Tir nam Beann agus a’ cumail suas gu dileas, treibhdhireach cleachdannan beusach an sinnsreadh. Tha oraidean briagha, mar is tric, air an toirt seachad le ard sgoilearan a’ Chomuinn; tha orain bhinn, bhlasda nam bard Gaidhealach air a’ seinn le coisir ionnsaichte; tha ’phiob agus an fhiodhull air ghleus agus duaisean air an toirt do’n luchd-ciuil a’s airidh orra; tha dannsaidhean ceadaichte, cleasan, agus ioma fearas-chuideachd eile dhe ’n t-seorsa sin air an cleachdadh. Is duilich leam r’a thuigsinn nach eil aon Chomunn de’n t-seorsa sin aginn ’an Ceap Breatuinn no an aite sam bith fagus duinn ged is ioma Gaidheal ’us Mac Gaidheil a th’ ann. Cha’n ’eil teagamh sam bith nach eil an “teud nadurra na ’dusgadh” a measg moran diubh fhathasd ged nach eil iad ’ga dhearbhadh an doigh fhollaiseach. Tha fior Ghaidhil gu leoir ann an Siorramachd Inbhirnis fhein gun tighinn air Ceap Breatuinn uile gus an leithid so de Chomunn a chur air bonn, ach co ni toiseachd toiseachaidh? D. Chaidh Seanalair Wylie duine statail a New York a mach a dh-iasgach faisg air Kingston Di-haoine s’a chaidh, agus air dha fas ro dhana thuit e do’n uisge, far an d’fhuair e deagh bhogadh, ach gu fortanach rachadh aig air snamh agus mar sin fhuair e gu tir. Mun deachidh e do’n uisge bha aona ceud deug dolair de dh-or air a shiubhal, ach an deigh an tumidh fhuair e gu robh an t-airgrod ’s am poca ’s an robh e air fhagail. Thairg e tri cheud dolair do dhuine sam bith a gheibheadh an sporan dha, ’s tha h-uile iasgair sa choimhearsnachd ’ga shireadh. Thanig an soitheach Amur a New York gu Sidni-a-Tuath Di-sathairne s’a chaidh a dh-iarridh guail, agus thilig i ’n t-acaire faisg air aon de na laimhrigean. Nuair a chaidh an dotair air bord fhuair e gu robh dithis dhaoine bu choir a bhi air bord nach robh ann ’s air nach toireadh an caiptean cunntas sam bith. Dh-orduich e an sin an soitheach gu taobh eile na h-acarsaid gu bhi air a cumail an sin gus am faicte nach robh droch ghalair sam bith air bord. Di-luain chaidh a leigeil ma chul a gnothuich a rithist, an deigh de’n chaiptean ’s do na h-oifigich a dhearbhadh nach danig an dithis dhaoine a bh’ air chall air bord idir. Bha eagal air moran gur ann a bha ’n cholera air bord. Faic So! Ainmean na muinntfr a phaigh am MAC-TALLA gu toiseach Iulaidh 1894. Tha sinn an duil a bhi cur sios an ainmean bho sheachdain gu seachdain mar a e chuireas iad an dolar thuginn. ’S iad so an fheadhain a chumas suas am MAC-TALLA agus a Ghailig ma bhitheas iad air an cumail suas. Buaidh us piseach air an ceann! A. G. Mac Gilleain, Sidni. Padruig Mac Gille Mhoire, do. Tormod Domhullach, Dutch Brook. P. M., Salem Road. D. Mac Iille-Mhaoil, Dunbheagain, Ont I. I. Mac-an-t-Saoir, Boston. Domhnull Mac Gille-Ghlais, Stellarton, N. S. Eachann Mac Fhionghain, do. Donnacha Mac Ghriogar, Westville, N. S. An t-Urr. C. Caimbeal, Strath-Alba, P. E. I. Catriona Chaimbeal, Plaister, C. B. I. Domhnullach, French Road, C. B. Domhnull Boyd, Frazer Mills, N. S. Muracha Mac Leoid, Valleyfield, P. E. I. Iain D. Mac Leoid, do. Aonghas Mac Fhearghais. L’Archeueque, C. B. Tearlach Mac-an-Toisich, Malagawatch. H. C. Mac Aidh, do. Niall Domhnullach, Baddeck. Domhnull Smith, New Glasgow. An t-Urr. E. Mac Laomuin, Milan, Que. Calum Mac-an-Leigh, Duntrom, Ont. Iain Mac-Iille-Mhaoil, South Finch, Ont. H. A. Mac Ille-Mhaoil, do. An t-Urr. Ioseph Mac Laomuin, ’san Eilean Sgiathanach. Domhnull Mac Fhearghais, Penetanguishene, Ont. Alasdir Mac Ealair, do. Uilleam Stiubhart, do. Iain Mac Ille-mhaoil, do. Dr. Uilleam C. Gilchrist, Orillia, Ont. Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont. Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath. Iain Domhnullach, Stellarton, N. S. Ruairidh Domhnullach, Providence, R. I. D. R. Caimbeal Intervale Chloinn Fhionghain. Iain Mac Fhionghain, (Tailear) Sidni. Murachadh Smith, do. Tha ’n Dotair Buchanan a nise bho bhinn bais. Dh-fheuch na fir-lagha aige gach innleachd a b’ urrinn daibh gus a thoirt saor aig a chuirt agus nuair a dh-fhairtlich sin orra ’sa thugadh a bhreith na aghidh dh-fheuch iad ris an cas a chur gu cuirt eile, cha d’ fhuair iad sin leotha dad na b’fhearr, ’s tha ’n dotair ri bhi air a chur gu bas le electricity toiseach October. Tha na fir-lagha ’s e fhein fhathast an dochas gun teid aca air a chuis a chuir seachd air chor ’s nach teid a chur gu bas gu ceann bliadhna. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.0 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 54] [Vol. 2. No. 8. p. 6] MAR BHA, MAR THA. ’S MAR A BHITHEAS: Tearlach, an Griogalach, ’Sna Fridhean. (LE MAIRI NIGHEAN IAN BHAIN.) AIR FONN—“Thug mi gaol do’n fhear bhan.” MAR A BHA. Dh’fhalbh mi latha na seann bhliadhn ’uir, ’S thug mi leam each ’us carn. Ach mun d’ rainig mi ’n sluagh, Thuit mo shuaimhneas gu lar. Rainig mi beinn Tota-Gormshuil, Ann an t’earbadh nan trath Far am bith’maid aotrom og. G uallach bho ’mios a Mhaigh. Nuair a chaidh mi troimh na ghleann, ’S gun neach ann mar a bha, Thainig nial no mo cheann, ’S dh’fhas mi tinn leis a chradh. ’S gun tuirt Eoghann ’Ill Ghespic Bhain, Ogha ’n t-sar dhuine choir, Tillidh mise leibh an traths, Ma tha ur cail gu ur leon. Na gabh ioghnadh a ghaoil, Ge do chaochail mo neoil. Tha mi faicinn cro nan laogh, Rinn na laoich nach eil beo. Nuair a chunnt mi gach cro, ’Rinn na seoid ’sa robh ’bhaigh, Cro Mhic Mhathoin, is Ian Chaimbeil, Mhic Amhlaidh ’s Ian Bhain. Dh’eirich smuainteanan uamhasach, Uaircneach, gum bhaigh, ’Na mo chridhe ’n aghaidh ’n t-sluaigh ’Chuir an tuath as an ait. Nuair a dh’ fhalbhamaid ’s a gheamhradh, ’N ar deann na Ghlaic Bhain, Leis na h-eallaich air ar druim, Mas biodh soills’ air an la. Nuair a bhiathamaid a spreidhe, Reitheadh an treud ann an ar, Toiseachadh air ruith ’s air leum, Gu sinn fein ’chumail blath. Nuair a reitheamaid ann am buinn, ’S math mo chuimhne air an traths, ’S Calum Shomhairle air ar ceann, ’S “Dheas a Gheimhleag” aig cach. Theicheadh Calum Phadruig dhuinn, ’S cach nan dean air a shail, ’S nuair a thionndadh an sonn, Bhiodh an druim ris an lar. Dh’eireadh Tearlach Shaw grinn, ’S e na righ as cionn chaich, ’G eigheach, Hu, bhi, liuman, ’S ann leamsa tha’m blar. ’A chaillach a bh’ againn an raoir; Deanamh grein oirre ’n traths, Thugte ’bhannag far a cinn, ’S ceanglaibh teann i mu sail; Bliadhna no dha roimhe so cha robh duine ’san Fhraing bu mheasaile ’sa b’ urramiche na Ferdinan de Lesseps. Ach an diugh tha e air a dhruideudh a stigh ’sa phriosan,’s cha n-fhaod e uiread sa dhol a choimhead a theaghlicn, gun maor a bhi air gach taobh dheth. Bha mise air mo leigheas de dhroch cnatan le MINARD’S LINIMENT. R. F. HEWSON. Oxford, N. S. Bha mis air mo leigheas dhroch bhruthadh le MINARD’S LINIMENT. FRED COULSON, Y. A. A. C. Yarmouth, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT an Ros dubh ormsa. J. W. RUGGLES. Inglesville. Tha e air a radh gu bheil easbuig an Colorado ag urnigh asr son Parlamaid na Staitean, ’sa gairm air feadhin eile gus an ni ceudna dheanamh. Chan eil teagamh nach eil a pharlamaid gle fheumach air. Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na K. D. C Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Donghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 55] [Vol. 2. No. 8. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN. M. A. D. D. Is gann a fhuair e gabhail ris nuair a chuimhnich e orra-san a dh-fhagadh air a chladach, a dh-faodadh bhi air a’n glacadh leis an dorchadas; uime sin chaidh e gu taobh an t’soithich, agus maille ri cuid eile smeid e le laimh ri Talamh Dearg. Chunnaic e “An Gealladh” a rithist aig a chladach. Bha Mairi a dol a steach innte, agus rainig ise mar an ceudna. “Sgeul a Mhor Aoibhneis” a thiota, ghreimich i air casan Imanuel, agus dh-amhairc i na aghaidh, ag radh, “a Mhaistir.” Thubhairt esan rithe, “a Mhairi, rinn thusa roghainn do’n chuid mhath sin nach toirear uait,” agus thug e seachad i gu curam Ban-mhaighstir Crionnachd—bean Tuigse, ard Oifigeach na Luinge. Phill an “Gealladh” rithist dh-ionnsuidh a chladaich, agus chaidh Marta,—nach duraigeadh bhi air a fagail air deireadh le a puithar—steach innte. Chaidh a h-iomaireadh dh-ionnsuidh “Sgeul a Mhor-Aoibhneais” ach ni bu shochraiche na aon chuid Peadar na Mairi; mar an ceudna bha dragh aice an am dhi dhol air bord. Nuair thainig i gu Imanuel thubhairt i gu h-iorasal, “A Thighearn, ciod is aill leat mise a dheanamh?” Thubhairt Esan rithe, “agus ge b’e neach a ta beo, agus a’ creidsinn annamsa, cha’n fhaigh e bas am feasd. Am bheil thu creidsinn so?” Thubhairt ise ris, tha, a Thighearn, tha mi creidsinn gur tusa Criosd, Mac Dhe, a bha gu teachd chum an t-saoghail. Fhuair ise air tus a puithar Mairi thuit iad air muineal aon a cheile, agus ghuil iad deuraibh gairdeachais, an sin comhlath dian shealltain dh-ionnsuidh na traghad—a labhairt aig aon am mu thimchioll a’m parantan, agus an sin mu Imanuel, Rinn Marta cagar ri piuthar gu robh a chota fighte o’n mhullach gu iochdar. Thubhairt Mairi rithe, “O gu’n robh na h-uile tearuinte air bord.” Tra bha i labhairt, bha a mathair a guidhe air Talamh Dearg dhol a steach do’n “Ghealladh” ach cho-eignich ise esan dhol air thoiseach. Nuair nach gabhadh e comhairle, chaidh ise air bord, oir thubhairt esan, “leanaidh mi thu nis fein.” Dhluth-lean Rut ri Sean-Mhathair. Air do’n teachdaire bhi an ioma-chomhairle, bhagair e’n leanamh; ach thubhairt guth an Tighearna, “Fulaingibh do na leanabaibh, agus na bacaibh dhoibh teachd a’m ionnsuidh, oir is ann da’n leithibh sin a ta rioghachd neimh.” Gheill e; agus ge neonach ra ghra, shnamh a’n “Gealladh” ni b-eutruime leis a’n dithis ud na le cach singilte. Chuir a triur chloinne failt air am athair ach gu’n moille air bi, thainig i dh-ionnsuidh a’n Tighearna ag radh, “Feuch mise agus a chlann thug Dia dhomh!” Fhreagair esan i, ag radh, Failte dhuit, o thusa da’n do nochdadh mor dheadh-ghean, a ta an Tighearna maille riut. Thainig an leanamh Rut mar a’n ceudna dh-ionnsuidh Imanuel, agus thubhairt i, “Tha gradh agam dhuit.” Chuir e lamh air a’n leanamh agus bhuannaich e i. Leigsidh Minard’s Liniment loimdh. “’Se baile uamhasach a th’ann a Chicago air son bristeadh na Sabaid,” arsa Seumas an deigh dha tilleadh bho fheill an t-saoghil, “Cha robh mi fhin am broinn eaglis riamh o’n dh-fhag mi ’n tigh. LEIGHEAS DO DHROCH STAMAG.—Tha moran euslaintean, mar a tha droch fhuil, ceangal-cuim, us ceann goirt a leantuinn droch stamag. Leighsidh B. B. B. iad so uile ma theid a ghabhail a reir nan seolidhean. Dh’fheuch na miltean e, agus rinn e feum dhaibh. Tha e air a radh nach eil beothach ann a’s turaile no is fearr a ghabhas ionnsachadh na ’n elephant. Tha e air a radh cuideachd gur h-i beothach a’s faide saoghal a th’ann, moran diubh a bha tri cheud bliadhna dh-aois nuair a bhasich iad. EACHDRIDH 15 BLIADHNA.—O chionn choig bliadhda deug tha sinn a cleachdadh Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry air son gearrach ’s gach tinneas de’n t-seorsa sin, ’s cha d’ fhuair sinn a leithid riamh. Ni sinn a dheagh mholadh. SAMUEL WEBB, Corbett, Ont. Dhe na tha de shluagh air an t-saoghal tha mu’n treas cuid diubh air an deagh chomhdach, tha ’n darra leth dhiubh nach eil a cosg ach feilleadh no aodach de’n t-seorsa sin agus tha ’n t-seathamh earrann diubh nach eil a cur feum air comhdach de sheorsa sam bith, ach a tha h uile la dhe’n bhliahhna cho lomnochd ’sa bha Adhamh an garadh Eden. Tha P. I. Quinn, St. John, N. B., a sgriobhadh,—An deigh dhomh a bhi tinn le droch stamag aireamh bhliadhnichean, agus an deigh dhomh gach leigheas fheuchinn air an cuala mi iomradh, tha mi nise toileach innse do na h-uile gun do leighseadh mi gu buileach le K. D. C., ged nach no ghabh mi dheth ach ceithir bocsichean. Cha robh mi riamh na bu shlaine na tha mi ’n diugh. “Mac-Talla’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 56] [Vol. 2. No. 8. p. 8] Co Chunna mi Seachad. Co chunna mi seachad Air an each ud na leum? Co bh’ ann ach am Muileach, An t-og furanach treun: Call uilirinn i, ’S call uilirinn o; Ho ro ’n t-Eileineach! Call eile ho ro. Tighearn og Loch-a-buidhe ’Sa bhuidheann na dheidh, Le ghunn’ air a ghualainn ’Se ’ruagadh an fheidh. Nuair theid thu do’n mhunadh Bidh do ghunn’ air dheagh ghleus; Bidh do mhiolehoin air lomhain, Cuid diu romhad ’s nad dheidh. Nuair a thigeadh tu dhachidh Bhiodh do chairdean riut reidh; Bhiodh do thaigh an deagh uidhim Aig an nighinn ’b’fhearr beus. Bhiodh do sheomrichean cadil Air an lasadh le ceir.— Nuair bha ’n gleachd an Gleann-Garadh Thug thu barrachd air ceud. Fhuair thu broilleach nan Leodach Nuair a thoisich an t-streup; ’S mor an spionnadh a fhuair thu, ’S i do ghual’ a bha treun. ’S tric a chum mi riut coinneamh Ann an coille nan geug; ’S tric a ghabh sinn an t-anmoch Gu bhi seanachas ri cheil’. Ciod a dh’fhairich, no chual thu, No fhuair thu mu m’ dheidh? ’Nuair a dh’fhas thu cho fuar rium ’N deigh do shuaircas ’s do speis. Oran Gaoil. A chailin sin a’s ro ghlan A sheoladh air chuan, Cha b’ ann air a mhointich A dh’ fhalbhadh tu uainn. Thoir mo shoraidh comhla Gu cailinn oig gun ghruaim, ’Si gun uabhar, gun ardan, Is ailteachd na gruaidh; Ciochan corrach air uchd soluis, Broilleach a’s glan snuadh; ’S i ’n t-seirce tha ’nad bhraigh’ Dha’n dug mi mo ghradh gu buan. Do chul buidhe lubach Mar dhriuchd air an fheur; ’S corrach gorm do shuilean, ’S gur geal ’s gur dluth do dheud; Ruiteach dearg do ghruaidhean, ’S gur suairce do bheul; Do shlios mar eal’ air chuan No mar shneachd air uachdar gheug. Beul milis gle thairis Ceum banail reidh; ’S gur binne leam do chomhradh Na cronan nan tend, B’ fhearr leam na mo chota Ge b’ or e gu leir, Gu ’m bidhinn is tu posda Le coir bho na chleir, Bho ’n ’s tu mo chruit cheolair Mar smeorich nan geug; ’S math mo bharail fhad ’s’ is maireann Mi air talamh reidh, Nach beag an t-aobhar broin dhomh Gun phoig bho do bheul. Cia mar stolas m’ inntinn Gun innleachd bho leigh? Cha b’ann air a bhilich A dh’imich thu ’n ceum; Cha b’ann do chrodh nan gleann, Cha dean mi drann de’n bhreig, Cha ’n eich is cha ’n aigich A thair mi nan deidh. Gach ni chleachd mi bhi as m’ easibh Bho ’n taice so ’n de; ’S an traigh nach lub am feoirnean, Bu mhodhaire leum. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGA no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin. [TD 57] [Vol. 2. No. 9. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 26, 1893. No. 9. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Ged a tha Dotair Buchanan air a dhiteadh gu bas air son a bhean a mhort, tha e sior aicheadh gu robh dad aige ri dheanamh ri a bas. Tha e ri bhi air a chur gu bas an October. Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, thanig coig ceud fear-imrich a Iceland gu Quebec, air an turus gu Manitoba. Tha na h-Icelandich nan daoine matha, stuama agus nan deagh thuathanich, agus nithear am beatha ge be aite ’n teid iad. Tha na leumadairean-feoir an deigh milleadh mor a dheanamh air feur us barr an cearnan de Nobha Scotia. Ann an caochladh aitean b’fheudar am barr a ghearradh air son a ghleidheadh bhuapa. Cha chuala sinn gu’n d’rinn iad call sam bith air an eilean so. Di-sathairne sa chaidh bha fear Tomas Luck na sheasamh ri taobh an rathad-iarinn aig Burford, Ontario, agus na carbaid a dol seachad. Rug fear de na bha air bord air laimh air agus mu’n do tharr e a leigeil as dhragh e an duine leis agus thuit e fodh na cuibhlean far as robh e air a mharbhadh. Dh-eug nighean bheag dam b’ainm Rogers aig Summerside, an Eilean-a-Phriunnsa an la roimhe. Bha i coiseachd air feadh buntata air an robh Paris Green air a chrathadh air son cur as do na daolagan. Bha gearradh beag air a cois agus chaidh am puinnsean ann, agus am beagan uine dh-fhas i tinn agus dh-eug i an ceann dha no tri laithean re na dh-fhuiling i cradh mor. Tha moran de na meinneadairean ann a Wales an drasd air sgur a dh-obair ag iarridh tuilleadh tuarasdil. Chan e mhain gu bheil iad fein nan tamh ach tha iad a cur rompa nach leig iad le duine oibreachadh aun an gin de na meinnean eile. Tha buidhnean dhiubh a falbh o mheinn gu meinn ’s iad air an armachadh le cuailtean mora de bhatichean ’sa toirt orra-san a tha fathast ag obair sgur a dheoin no dh-aindeoin. Is daoine oga ’tha ’nan ceannardan orra. Tha na seann daoine cha mhor uile deonach a dhol a dh-obair ach cha leig cach leotha. Chaidh tuathanach ann an Sackville, N. B., do’n t-sabhal an la roimhe agus de fhuair e an sin ach da chu mhor ag obair air marbhadh nan caorach. Dhe ’n t-sia thar fhichead a dh-fhag e ann am feasgar roimhe sin, cha robh gin gun leonadh ach tri. Bha coig marbh, agus bha cach air leonadh cho dona ’s gum basich a chuid a’s mo dhiubh. Chaidh am bradan bu mho air an d’ rugadh riamh an Columbia Bhreatunnach a ghlacadh an la roimhe anns an amhinn ris an abrar an Frazer River. Thomhais e ceithir fichead punnd ’sa ceithir gu leth. Am bradan bu mho a fhuaireadh riamh an Ceap Brertuinn, cha do thomhais e ach leth-cheud punnd us aon. Madinn na Sabaid s’a chaidh dh-eug Mr. Aonghas Gillios, aig a dhachidh ann a Hogamh. Cha robh e tinn ach beagan us seachdain agus thug a bhas ris nach robh duil idir, buille ghoirt d’a chairdean uile. Bha e ann a Hogamah o oige agus bha e ris an dathadaireachd mar cheaird. Rinn e moran chairdean re a bheatha agus choisin e meas da fein le bhi firinneach onarach na dheiligeadh ris na h-uile. Bha e mu thri fichead bliadhna dh-aois. Rinn an stoirm a bh’ ann Di-luain call mor an iomadh aite. Chaidh an soitheacheach-smuid Dorcas, agus bata-guail a bha i tarruing, do’n ghrunnd aig Three Fathom Harbour, leis a h-uile duine bha air bord. Cha deachidh duine a shabhaladh. Bha mu fhichead air bord an Dorcas, am measg an robh dithis mhnathan us coignear chloinne, agus bha seachdnar air bord a bhata-ghuail, an Etta Stewart. Tha mar so moran de bhantraichean ’s de dhileachdain air am fagail gun doigh aca air tighinn beo, agus tha sinn an dochas gun teid muinntir na ducha an guaillibh a cheile, agus gu’n nochd iad am fialidheachd ann a bhi cur airgiod cruinn a bheir teachd-an-tir dhaibh. Bha ’n Caiptean Mac Fhearghais a chaidh a bhathadh am measg chaich gle eolach ’sa bhaile so, agus bha e gle mheasail aig gach aon da’m b’aithne e. Bha cha mhor a h-uile aon de na daoine ’chailleadh a mhuinntir an eilean so fein. Cha do thachair sgiorradh mu’n eilean so o chionn fhada a rinn uiread calla. [TD 58] [Vol. 2. No. 9. p. 2] AM FEAR A GHOID EACH AN EASBUIG. (Air a Leantuinn.) Dh’fhalbh e, agus chaidh e gu taillearan an teaghlich rioghail. Dh’fharraid e dhiubh an robh gin de dheiseachan deas aca do uaislibh mora. “Chan’eil,” ars an taileir, “ach deise a th’againn do nighinn an righ, agus te da maighdean choimheadachd.” “Ciod e,” ars Iain, dh’iaras tu orra sin fhein car da uair a dh’uine?” “O,” ars an taillear, “tha eagal orm nach faodh mi a thoirt duit.” “Na bitheadh eagal air bhith ort,” ars Iain, “paighidh mi thu agus bheir mi an da dheise gun bheud, gun milleadh air an ais. Gheibh thu ceud marg.” Shanntaich an tailleir an t’ airgiod mor ud us thog e dha iad. Dh’fhalbh e us fhuair e an gille bh’aig an oidhche roimhe. Chaidh iad dh’aite sonruichte, ’us fhuair iad iad fhein a chur an uidheam ’san da dheise. Dh’fhalbh iad nuair a fhuair iad iad fein cho maith ’us bu maith leo gu dorus an Easbuig. Fhuair e mach mu’n d’rainig e an dorus, nuair a thigeadh aon air bith de’n teaghlach rioghail gu tigh an Easbuig, nach e an dorus an bhualadh a dheanadh iad, ach sgriob a thoirt le barr an coise aig bonn an dorruis. Thainig Iain a dh’ionnsuidh an doruis agus rinn e sgrioba. Bha dosair aig a dorus an oidhche sin, ’us dh-fhalbh e ’n a ruith, dh’ionnsuidh an Easbuig. “Tha aon de’n teaghlach rioghail aig an dorus,” ars esan, “Chan ’eil, is e th’ann am meirleach Albannach.” Sheall an gille troimh tholl na h’iuchrach ’us chunnaic e gur e coltas da bhean uasal a bh’ann. Dh’fhalbh e gu mhaighstir ’us dh’innis e. Chaidh a mhaighstir a dh’ionnsuidh an dorus ’us sheall e fhein. Bheireadh Iain sgriob an trathsa ’sa rithis air an doruis, ’us e cath-trod ris an Easbuig airson amideachd. Sheall an t’Easbuig ’us dh’aithnich e gur e guth nighean an righ bha ’san dorus. Fhosgail e gu grad an dorus, ’us chrom e gu lar rithe. Bhruidhin nighean an righ ris air son a nighean a chur ann an geall ’sam bith, gu’n robh feadhain a gabhal brath air airson a leithid a dheanamh. “Cha mhor a b’fhiach thu a dheanadh a leithid gu’n fios dhomsa, ’us cha ruigeadh tu leas a leithid a dh’athil ’us a dh’amaideachd a dheanamh.” “Gabhaidh sibh mo leithsgeul,” ars an t’Easbuig. “Cha ’n urainn mi do leithsgeul a ghabhail,” ars ise. Stigh thug e nighean a righ do ’n t’seomar s’an robh an nighean ’us an fheadhain a bha ’ga faireadh. Bha ise ’am meadhon an t’seomar air cathair na suidhe ’s cach ceithir thiom chioll oirre. Labhair nighean a righ rithe: “Mo ghaol, ’s e d’athair an duine gun tur a chuir ’sa chunnart thu, ’us na ’n d’ thug e fios dhomsa ’us do chur far a robh mise, aon sam bith thigeadh a d’ choir, rachach an crochadh ’us a bharrachd air an sin a losgadh.” “Falbh” ars ise ris an Easbuig,” a chadal ’us cuiribh fa sgaoil a chuideachd mhor so mas bi iad a’ magadh oirbh.” Thubhairt an t’Easbuig ris a’ chuideachd gu’m faodadh iad gabhail mu thamh, gu’n d’thugadh nighean an righ, ’sa maighdean choimheadachd an aire dha nigheansa, An uair a fhuair Iain uile gu leir air fhalbh iad. “Thig thusa, a nighean mo ghaol cuide riumsa gu tigh righ na rioghachd.” Mach a thug iad; bha an t’each donn goireasach aig Iain, agus cho luath sa fhuair e mach an nighean far an robh an t’each donn, tilgear dheth ann an aite dorch an deise. Chuir e dhachigh an gille leis na deiseachan dh ionnsuidh an tailleir. Phaigh e an gille ’us thubhairt e ris a choinneachadh an sud an ath oidhche. Chaidh e fhein sa nighean air druim an eich dhuinn; ’us air a thug e gu tigh a mhaighstir. Ge bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaighstir a dh’ionnsuidh a stabuill. Bha Iain ’us nighean-an-Eisbuig nan cadal, ’us dhuisg iad n’ uair dh’fhairich iad an duin’ uasal a tighinn. “Cha bu chall leam mo shaothair,” ars esan, “na ’m bitheadh m’ Albannach bochd romhan an so an diugh.” “Tha mise a so,” ars Iain, “agus nighean an Easbuig comhla rium.” “Oh,” ars esan, “bha meas agam ort roimhe, ach a nis tha meas mor agam ort.” Be sin Di-sathairne. Bha aigesan agus aig a mhaighstir gu dol a choinneachadh an Easbuig an latha sin cuideachd. Chaidh an t’Easbuig agus an duine uasal an coinnimh a cheile mar a b’ abhaisd. An nuair a thainig e far an robh Iain cha robh aig ris ach, “a mheirlich ’us a shlaoitir?” “Faodaidh tu do bheul a dhunadh,” ars Iain, “cha’n urrainn thu tuilleadh a radh rium. Cuir an nall mo dheich ceud marga so.” Phaigh e an t-airgiod. Bha e leantuinn air a chaineadh. “Oh dhuine,” ars Iain, “leig dhiot do chaineadh, cuiridh mi an deich ceud marg riut gu ’n goid mi thu fhein an nochd.” “Gheibh mi deich ceud marg ud air ais,” ars an t’Easbuig “ach cuiridh mise cuig ceud riut nach giod thu mise.” “Ni mi cordadh riut,” ars Iain. Cheangail an duine uasal am bargan eadorra. Dh’fhalbh Iain ’us a mhaighstir dachigh. “S’ garach thu,” ars a mhaighstir, “bha meas mor agam ort gus an duigh, caillidh thu na fhuair thu dh’ airgiod, agus cha n urrainn thu an duine ghiod.” “Cha’n eil eagal sam bith orm fhein,” ars Iain. ’Nuair a thainig an oidhche dh’fhalbh Iain, ’us thug e tiomchioll tigh an Easbuig air. An sin smuainich e gu’n rachadh e far an robh iasgairean a bhaile, dh’fheuchain ciod a chitheadh e acasan. ’Nuair a thainig e far a robh na h’iasgairean dh’fharraid e dhiubh, an robh gin de bhradan aca air ur-mharbhadh? Thubh- BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. ABTHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. heannichean a bhrist ann an Nobha. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 59] [Vol. 2. No. 9. p. 3] airt iad ris gu robh, “Ma dh’fheannas sibh,” ars Iain, “na h’uiread so a dh’iasg, bheir mi dhuibh uiread so dh’airgiod; na airgiod sa bith a’s coir dha bhi” Rinn na h’ iasgairean sin. Thug iad dha de chraicinnean eisg na shaoil leis an dheanadh cleochd, an fad ’us a leud a dh’ iar e. Dh’fhalbh e sin a dh’ionnsuidh nan taillearan. Thubhairt e ris na caillearan an deanadh iad deise dha de chriacinnean an eisg, bho chionn da uair deug a dh’oidhche, ’us gu faigheadh iad paidheadh math air a shon. Dh’innis iad dha ciod e an t’suim a ghabhadh iad. Ghabh iad tomhas a ghille us thoisich iad air an deise. Bha deise ullamh an ceann na da uair dheug. Cha’n fhaodadh iad bhi na b’fhaide. Bha ’an Domhnach ’tighinn a stigh. Dh’fhalbh e leis an deise ’us n’ uair a fhuair e e fhein goirid o eaglais an Easbuig chuir e uime an deise. Fhuair e iuchair a dh’fhosgladh an eaglais ’us chaidh e stigh. Suil do’n tug an dorsair uaith ’us faire mhor air an Easbuig, dh’fhalbh e, ’us thubhairt gu ’n robh solus ’s an eaglais. “Solus” ars an t-Easbuig, “ruith thusa null ’us faic ciod e an solus a th’ann. Bha e an deigh da uair dheug an nis. “O,” ars an dorsair ’us e tighinn, “tha dune a’ searmonachadh.” “Tharruing an t’Easbuig ’uaireadair ’us chunnaic e gu robh toiseach an Domhnaich a tighinn a stigh. Dh’fhalbh e ’na ruith dh’ionnsuidh na h’ eaglaise. ’N uair a chunnaic e’ an soillse bha ’s an eaglais ’us na h-uile car chuir an duine bha’ searmonachadh dheth, ghabh e eagal. Dh’fhosgail e beagan an dorus ’us chur e a cheann stigh dh’fhaicinn ciod e an coltas a bh’ air. Am fear bha ’san eaglais cha robh canain bha fo na rionnagan nach robh e toirt treis air. ’Nuair a thigeadh e dh’ionnsaidh na h-uile canain a thuigeadh an t’ Easbuig is ann ’cur iomchair air an Easbuig a bha e gu’n robh e call a cheill. Sud stigh an t’ Easbuig agus theirigear air a ghluinean aig bonn na crannaig. Thoisich esan air asluchadh ann an sin ’us n’ uair a chunnaic e an dearrsadh bha’ sa’ chrannaig ghabh e gu curam leis na bha e ag radh ris. Mu dheireadh thubhairt e ris, na’n gealladh e dhasan gu’n deanadh e aithreachas glan ’us gu’m falbhadh e leis-san gu’n d’thugadh e maitheanas dha. Ghealladh a t’ Easbuig sin da. “Falbh leamsa,” ars esan, “gus am faigh mi beagan uine ort.” “Falbhaidh,” ars an Easbuig, “ged a b’ann as an t’saoghal dh’iarradh tu orm falbh.” Dh’fhalbh e leis. Rainig iad stabull an duine-uasal. Fhuair e aite suidh do’n Easbuig. Shuidh e fein; cha ruigeadh iad a leas solus, oir bha eudach Iain deanamh solus far an robh iad. Bha e’ mineachadh don Easbuig an sin ann an canainean a thuigeadh agus ann an cuid nach tuigeadh e. Bha e mar sin gus an robh an t’am da mhaighstir tighinn s’a mhaduinn. N’uair bha an t’amteann air laimh, thilg e dheth an deise, lub e ’us chuir e am folaich i, oir bha e ris an t’ soillearachd. Bha an t’ Easbuig samhach an so, ’us thainig maighstir Iain. “Cha bu ghearain leam mo shaothair na ’m bitheadh m’ Albannach bochd romham an so an diugh.” “Eh, tha mi so,” ars Iain, “’us an t’ Easbuig agam.” “Ud, a laochain,” ars an mhaighstir, “is maith a gheibhear thu.” “Oh, a dhaor-shlaoitir,” ars an t’Easbuig,” ’n ann mar so a rinn thu an gnothuch orm.” “Innsidh mise dhuit mar a tha,” ars an duine uasal, “is fhearr dhuit deanamh gu maith ris, no bhi ’ga chaineadh; tha do nighean aige, agus tha d’each aige, agus d’ airgiod, agus air do shon fhein, cha ghleidh esan thusa, ach is fhearr dhuitse esan a ghleidheadh. Thoir e fein ’us do nighean leat us dean banais dhoibh le eireachdeas.” Dh’fhalbh e us chaidh e dhachigh leis an Easbuig ’us chaidh Iain ’us a nighean a phosadh gu ceart ’us rinn an t-Easbuig gu maith ruitha. Dh’fhalbh mise ’us fhag mi sud iad. [Bha ’n seann sgeulachd so air a sgriobhadh ’s air a cuir thuginn le Mr. I. D. G. Mac Neill, an Acarsaid Chloinn Fhionghain.] Cha n-eil rathad-iarinn no goireas sam bith de’n t-seorsa sin am Persia. Tha ’n t-impire a ghnath a dol air a thurusan air muin eich ’s ged a tha e pios math seachad air an tri fichead bliadhna ’se marcaiche cho math ’sa tha san rioghachd. EACHDRIDH 15 BLIADHNA.—O chionn choig bliadhda deug tha sinn a cleachdadh Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry air son gearrach ’s gach tinneas de’n t-seorsa sin, ’s cha d’ fhuair sinn a leithid riamh. Ni sinn a dheagh mholadh. SAMUEL WEBB, Corbett, Ont. Bha tuathanach coir Gearmailteach ann uair, agus comhla ris gach olc eile ’bha cur ris, bha droch bhean aige. Cha leigeadh i tamh no fois leis ach a caineadh ’sa trod o mhoch gu dubh, agus aona latha thrus i leatha ’cuid de’n t-saoghal ’s dh-fhag i e, a boideachadh nach tilleadh i am feasda. Sgaol an naigheachd air feadh nan coimhearsnach, agus ’nuair thanig am feasgar, thionail aireamh dhiubh far an robh Iain a dh’innse dha cho duilich ’sa bha iad air a shon. “Ma ta, ’dhuine,” arsa fear dhiubh, “’s mi fein a tha duilich air do shon. Tha thu ’nad fhior chulaidh-thruais.” “Gu dearbha tha,” ars Iain, “mi nam chulaidh-thruais da rireadh. Chan ann a chionn gu’n d’fhalbh i idir, ach a chionn gu’n do thill i. Tha i direach air tighinn dhachidh!” ’Se Minard’s Liniment an leigheas a’s fearr Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 60] [Vol. 2. No. 9. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OGUST 26, 1893. Naigheachdan a Framboise, Tha na tuathanaich an nise ag obair air an fheur agus tha iad uile toilichte mar a dh-fhas e mar nach robh duil aca. Tha an coirce mar an ceudna a coimhead gle choltach ri bhi gle mhath, ach cha’n urrain sinn dad a radh ciamar a bhitheas am buntata. Ged cha’n daolag gu math pailt cha do rinn i moran call fhathast, agus mar tig i nas miosa cha toir sinn guth air. Dh fhaodadh gu leanadh iad rompa gu’s an teid iad car ma char a mach air a chuan. Chaidh Sacramaid Suipeir an Tigherma a fhrithealadh ’san aite so la na Sabaid ’sa chaidh. Bha an t-Urr. Mr. Mac Leoid air a chuideachadh leis an Urr. M. A. Mac Coinnich a Grand River agus leis an Urr. Ruairidh Mac Leoid a thachair a bhi air chuairt nar measg aig an am. Bha’n t-side gle fhabharrach agus mar sin chruinnich moran chairdean maille ruinn as na cathionalan eile mun cuairt. Bha an t-Sacramaid aig Loch Ghabarouse aig a’n aon am. Chaidh fear da’m b’ainm Eagan Moireastan a ghoirteachadh gu dona an la roimhe. Bha e fein agus dithis nighean ann an carbad a tighinn dhachaidh as an Eaglis bha am beathach aige car mall agus b’eiginn da tarruing chum an darra taobh den rathad gus na h-eich a bha as a dheigh a leigeil air thoiseach. Dh-eirich an roth air cloich a cur car de’n charabad. Leum na h-igheanan gu sgiobalta mach gun dochann sam bith, ach bha Mr. Moireastan car lapach agus thuit e air an rathad, ach tha e nise a dol am feabhas. Tha duine neonach nar measg an drasda ’tha feuchainn ri thoirt a chreidsinn air cuid gur a Dotair ainmeil a th’ann. Tha e toirt dhuinn ainm mar Tearlach-A-Domhnullach agus ag radh gur ann a Glascho a thainig e bho chionn ghoirid. Chan ’eil aige ach bosca beag na dha de dh-acuinn liegheis, ach tha e gu trang a bruich freumhaichean is lusan s tha e ag radh gun leigheis e eucail sam bith. Ged nach do chreid mi fein gun dean e moran leigheis ri bheo, s’ iongantach an creideas a tha cuid don t-sluagh a toirt da Is mise do Charaide. CEANN LIATH. A Eilean-a-Phiunnsa. Fhir mo chridhe:—Tha fios agad fhein gun robh mi air chuairt an Ceap Breatunn o chionn ghoirid, s ma bha, ’s mi chunnaic an caochladh air an tir o n’ bha mi ann beagan bhliadhnachan air ais. Dh’fhag mi Eilean-a-Phriunnsa aig sia uairean ’sa Mhaduinn ’s bha mi an latha sin fhein, romh dhol fotha greine, am Baddeck, priomh-bhaile siorrachd Victoria. Sin agad siubhal! Chuireadh e ar n-aithrichean am breislich. Shaoileadh iad nach b’urrainn iad an anail a tharrainn nam biodh iad air an giulain cho luath sud o aon aite gu ait eile. As a sin chabhagaich mi air aghart ’s le cuideachadh chairdean rainig mi ’n Rudha Tuath (Cape North) far na choinnich mi ri luchd-daimh ’us eolais. Tha n t Urr. Calum Mac Leoid na mhinistir an sin ’s co-thional math Gaidhealach aige. Bha Sacramaid na Suipeir air a coimhead, an t-Sabaid a bha mi ’n sin, ’s cha’n fhaca mi an aite air bith sluagh na bu stolda na’n co-thional a bha cruinn an sud. Bha ’n t-Urr. D. Mac Dhomhnuill o Hastings agus an sgriobhadair a cuideachadh Mhr. Mhic Leoid aig an am, agus bha sin le cheile ag aideachadh gu’m bu mhath dhuinn r bhi ’n sud. Thill mise air ais Di-luain, a fagail mo chead aig cairdean agus a guidhe soirbheachadh pailt do sgire an Rudh-Tuatha. Chuir mi seachad oiche no dha air a Chladach-a-Tuath, uine ro ghoirid seach na dhuraichdinn, ach cha cheadaicheadh tim dhomh fuireach fad an aon aite. Chuir mi ’n ath Shabaid seachad air an Amhainn-Mheadhonaich. Bha ’n la sin fliuch, ’s dh-fhag sin an co-thional beag, ach thug e solas domh cuid fhaicinn de na h-aodainn air an robh mi eolach an laithean m’ oige. As a sin chaidh mi sios gu Sidni ’s co chunna’ mi an sin ach MAC-TALLA! S fad’ on bha toil agam failte chur air-san do bhrigh a dhilseachd do m’ chainnt mhathrail. Rinn mi sin agus chuir esan failte is furan ormsa. An ath latha thug mi cuairt a dh’fhaicinn chairdean an Glace Bay ’us an Cow Bay far am pailt a’ faicear gual. As a sin chuir mi m’ aghaidh air a bhaile. Choinnich mi ri mor-chaoimhneas anns gach ceum de’n t-slighe. Thill mi dhachaigh lan riaraichte le m’ thurus, agus taingeil do’n Fhreasdal chaoimhneil a ghabh chram dhion air an t-slighe. An deigh domh tighinn dhachaidh bha gairm orm gu tiodhlacadh aon do mhinistearan an eilean so, an t-Urr Ailean Mac Gilleain. Rugadh Mr. Mac Gilleain ann a Hogomah, C. B. Fhuair e fhaolam ann an oil-thigh Halifax. Chaidh a chur air leth a chum dreuchd na ministeireileachd anns a bhliadhna 1862. Bha e suidhichte, air tus, an Dundas, P. E. I., an deigh sin, aine ghoired, an Glace Bay, C. B., agus bho sin gu am a bhais an Tryon, P. E. I. Bha mu thiomchal da cheud carbad air an torradh. Dh’fhag e bantrach agus teaghlach. C. C. Strathalba, P. E. I., Aug. 17mh, 1893. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chiateachaidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so..........$109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn.. 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 61] [Vol. 2. No. 9. p. 5] MORT GHLINN COMHANN. Thachair ni no dha ’an riaghladh Uilleim III air Alb’a bha na’m meadhon air sluagh na duthcha sin a thionndadh gle mhor ’na aghaidh. B’ e’n ceud ni dhiubh, sin ris an abrar Casgradh Ghlinn Comhann. Mar a bha cuid de na cinn-fheadhna Ghaelach, fathast a’ seasamh a mach o Uilleam ’us Mairi aideachadh, fhuair Iarla Bhraidalbainn fichead mile Punnd Sasunnach o’n Ard-chomhairle gus a roinn a measg nan ceann feadhna sin, agus an umhlachd do’n righ a cheannach. Ma ’s fior na sgeoil, rinn an t-Iarla roinn Mhurchaidh ’us Fhearchair air an airgiod. Co-dhiu thainig na Gaeil gu bhi samhach. Ach bha Mac Dhomhnuill Ghlinn Comhann sa dhaoine an deigh creach a ghiulan air falbh thar fearainn an Iarla. Chuir an t-Iarla fios gu Mac Dhomhnuill gu’n robh e ’cumail aige fein, air son paigheidh na creich’ a’ chuid sin de’n airgiod a bhuineadh dhasan fhaotainn; ach gu’m feumadh e’n righ aideachadh mar a rinn na cinn-fheadhn’ eile a fhuair an t-airgiod. Cha ghabhadh Mac Dhomhnuill sud; mur faigheadh e ’chuid de’n airgiod, sheasadh e mach. Bha Reachd air a dhaingneachadh aig an am cheudna leis a’ Chomhairl’ a reir orduigh an righ gu’m feumadh na h-uile ceann-feadhna ’s a’ Ghaeltachd an umhlachd do righ Uilleam aideachadh air an la mu dheireadh de’n bhliadhna 1691, no roimhe sin, fo phein teine ’s claidheamh. Thug na h-uile aon diubh umhlachd do’n reachd so roimh ’n am shuidhichte, ach Mac Dhomhnuill Ghlinn-Comhann. An uair a dh’aithnich esan gu’n robh e ’na aonar chaidh e fein gu Gearasdan Inbherlochaidh, gu umhlachd a thoirt do cheannard an daingnich sin. Dh’innis an ceannard dha nach robh ughdarras aige-san gu sud a ghabhail, agus gu’m feumadh e dhol gu Siorraimh Inbheraoraidh, air son an gnothuch soluimt’ ud fhaotainn deanta. Leugh Mac Dhomhnuill an t-eagal; ’s ged a bha e ’na sheann duine, ’s an talamh comhdaichte le airde nan crann de shneachda, ghreas e thun an t-Siorrrimh. Bha ’n ceann la air dol seachad aon la; ach ghabh an Siorraimh umhlachadh an duine, ’s thuirt e ri gu’n sgriobhadh esan thun na Comhairl’ a mhineachadh aobhar na moille, ’s nach b’eagal do Mhac Dhomhnuill. ’S ann mar sud a bha. Chaidh Mac Dhomhnuill dhachaidh, ’s chaidh litir an Siorraimh a Dhuneidin; ach dh’fholuich Sir Iain Dalrimpil, ard Chleireach Alb’ i, agus cha robh dearbhadh sam bith air gu’n d’ umhlaich Mac Dhomhnuill e fein. Bha Sir Iain, ’s an t-Iarla na’m fior naimhdibh do Mhac Dhomhnuill, agus ’an guaillibh a cheile, runaichte, air cur as da. Chuir iad a’ bhreug fa chomhair an righ ’s fhuair iad ughdarras gus am peanas a chur an gniomh. Dh’ earb iad so ri Caiptin Caimbeul a’ bhuineadh do Earra-Ghael. Gus an gnothuch a dheanamh furasda dhoibh fein ach da rireadh ni bu mheasa, thainig esan le aireamh shaighdearan do Ghleann Comhann da sheachduin roimh dha’n t-olc a dheanamh. Bha e air aoidheachd aig na Domhnullaich re na h uine sin. Air maduinn an treas la deug de cheud mhios an earraich thoisich obair a’ mharbhadh. Chaidh ochd duine deug thar fhichead a mharbhadh a measg an robh seann Mhac Dhomhnuill fein ’s a bhean: bhasaich moran ’s an t-sneachda ’n uair a thoisich an sluagh air teicheadh. Thug na saighdeara leo na ghabhaddh iomain ’us giulain de chreich—naoi ceud bo, ceithir cheud each, agus caoraich ’us gabhair gun aireamh. Bha so na ni co sgreataidh ’s a thachair ’an aite sam bith; ach cha robh aig an righ ach a’ chuid bu lugha de’n choire, ma bha sin fein aige. Agus cha leanadh coir’ idir ris na’m bitheadh e air Sir Iain ’s an t-Iarl’ a pheanasachadh mar a thoill iad. Tharr dithis mhac ’Ic Iain as le’m beatha.—Eachdraidh na h-Alba. Tha e air aithris gu bheil duine bochda mhuinntir Mhaitland, N. S., an diugh gu tursach an deigh a mhna, agus ise air teicheadh air falbh le coigreach a thanig an rathad, ’sa bha ’gabhail air a bhi na dhotair. Dh-ionndraineadh iad an la roimhe. Thug ise leatha an duine cloinne bu shine bh’aice agus dh-fhag i an dithis a b’ oige aig a fear. Chaidh an duine bochd sin as an deigh gu Truro, ach nuair a thuig e gu’m b’e ’n teicheadh a bh’ann da rireadh thill e dhachidh ag radh “bho’n chunnaic mo bhean iomchuidh teicheadh le fear eile cha chuir mise bacadh oirre, agus cha mho a ghabhas mi rithe ma thig i leatha fein.” Tha coltach gu’n d’ fhalbh a charaid so gu Halifax agus gun do ghabh iad soitheach-smuid a sin gu Boston. Bu bhoirionnach dreachmhor a bha innte-se, a bha roimhe so gle mheasail air a fear, ach tha e coltach gu’m b’e ’n dotair am fear a b’fhearr leatha. Tha colonies Australia a bruidhinn aon uair eile air aonadh ri eheile ’sa bhi ’nan aon duthich. Tha ’n t-eilean mor sin air a roinn na sheachd duchannan, gach aon diubh sin ’ga riaghladh fein, agus nan cordadh iad air a dhol cuideachd, dh-fhaodadh Australia a bhi na dhuthich mhor shoirbhetchail mar a tha Canada na diugh. Cha bhi cuid no gnothuch aig New Zealand ris an aonadh idir. ’S fear leis an duthich bheag sin a bhi deanamh air a son fein. Tha bean a fuireach faisg air Shelburne N. S., a bha ceud bliadhna dh-aois air an naodhamh latha deug de’n mhios so. Rugadh i faisg air an aite ’sa bheil a comhnidh an drasd ’sa bhliadhna 1793. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.00 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 62] [Vol. 2. No. 9. p. 6] MAR BHA, MAR THA, ’S MAR A BHITHEAS: Tearlach, an Griogalach, ’Sna Fridhean. (LE MAIRI NIGHEAN IAN BHAIN.) AIR FONN—“Thug mi gaol do’n fhear bhan.” MAR A THA. Ach dh’fhalbh na seann nithibh uainn, ’S nithibh nuadha nan ait, Tha ’chuid nach deach a null air chuan Dhinn air cruadhlach ri traigh. Ach fhuair sinn naigheachd gu ar miann, A tha riaraicht’ le m’ chail, Gum bheil fridhean nam fiadh, ’G an cur sios gus a lar. Duisgibh a luchd mo ghaoil, ’S bithibh aonach an traths. ’S cuiribh teine ris an fhraoch, ’S eiridh laoich na ur pairt. Bi’ “Balallan” air ur ceann, Gabhail suim dheth ur cas, S cha bhi liad a roin air chall Aig an t-sonn nach bi bhan. Cuiridh a “Chlach” air a doigh, H-uile feorlaig tha fas, Eadar so is Taigh Ian Ghrot, A bheir por air son mal. Gu’m bheil diunnlaich ro-threun, An Duneidean a lamh, Agus Dughal cho gleusd Is cho eudmhor mu’ r cas. Tha soideannach do dhuine coir, Rinn ar comhnadh mu thrath, Mac ’ic Dhomhnuill sa Mhor-thir, ’S bithidh ’n corr air a shail. Thainig fios a nall thar chuan, Nuair a chual iad ur cas, Leanaidh sinne mar bu dual Ri ur guaillean ’sa bhlar. Chunnaic mi rud le mo shuil, Nach robh duil a’m gu brath, Gu robh aon na mo dhuthaich A dh’ umhalaich dha. Ag giulan duine ’sa leth marbh, Eadar gharbhlach is charn, A’ toirt uainn ar cuid seilg, Is ar leanabain ’dol bas. A Cinntaile nam bo, Far ’n robh comhnuidh nan sar, Cuiribh Winans le chuid oir ’Mhanitoba a thamh. Mar a toir sibh buille chruaidh, Fhad ’s a tha ’n tuagh na ur laimh, Cumaidh iad sibh dol mu’n cuairt, ’Na ur truaghain gu brath. Nach e cuid e bh’as an ciall Leig an t-srian as an laimh. Ghabh an gad air an robh ’n t-iasg, ’S dubhain ’s biathadh aig cach. Chuir sibh cul ris an t-seud. Sheas cho treun na ur pairt, ’Bhrist an t’slighe dhuibh ’n ur feum. ’S a rinn reidh i do chach. Chuir sibh cul ris an t’sonn, A ghabh suim dheth ur cas, ’Sheas cho duineal air a bhuinn, Anns gach puing na ur pairt. Tha e air a radh gur e ’n scorpion beathach a’s miosa nadar a th’ ann. Ma chuirear dithis dhiubh cuideachd ann am bocsa, cha bhi iad ann fada sam bith nuair a lotas iad a cheile gu bas. Bha mise air mo leigheas de dhroch cnatan le MINARD’S LINIMENT. R. F. HEWSON. Oxford, N. S. Bha mis air mo leigheas dhroch bhruthadh le MINARD’S LINIMENT. FRED COULSON, Y. A. A. C. Yarmouth, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT an Ros dubh ormsa. J. W. RUGGLES. Inglesville. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Tha Minard’s Liniment math da’n fhalte Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na K. D. C Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Don has Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 63] [Vol. 2. No. 9. p. 7] Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D. Ach cha robh Tomas fathast tearuinte: Smuainich e barrachd air creagan briste na cridhe briste agus, fliuch leis a chathadh-mara, dh-imich e air faontradh o’n chladach gus fadheoidh na thuislich e air tuairean air duine araidh ris an dubhairt e—“Mur do mheall mo shuilean mi, tha mi ’g amharc air Feallsanach Seasach a Sraid a Cheo. Thionndaidh Seasach mu’n cuairt agus thubairt e. ’S mi tha aoibhneach t-fhaotuinn a faoghlum gliocas; mu bhuanaicheas thu ann a’m reachdan, ni thu farum anns an t saoghal.” Air dha Tomas bhi lan riaraichte leis an t’sodal so thionndaidh e Chulaobh air “Sgeul a Mhor Aoibhneis;” agus nochd Seasach dha creag a bha dearbhadh nach tig crioch air an t-saoghal. “Ach,” arsa Tomas, “tha iomradh a falbh gu bheil Babilon gu bhi air a sgrios.” Chriothnaich Seasach co mor le gaireachdaich, gus na thuit a speucalairean air a chreig agus bhristeadh iad. An sin thubhairt e ri Tomas: “Bha an dearbh iomradh ga aithris o’ chionn mile bliadhna; chreid amadain e o thus: tha amadain ga chreidsinn a nis; ach tha sin a gairm gu’m chuimhne gu’n cuala cuid-eigin a’ gra gu robh t-athair a creidsinn an iomradh.” “Is fior,” fhreagair Tomas, “chaidh e direach air bord “Sgeul a Mhor Aoibhneis” ud chum seoladh chum an t-saoghail ur: agus tha leth dhuil agam fein dhol maille ris.” Bi samhach! Bi samhach! a Thomais, mo charaid! An tilgeadh tu air falbh gach nib ’s an t-aealladh?” Nach d’ innis mise dhuit nach eil cladach air taobh thall na fairge? an d’ thainig duine air ais? Fhreagair Tomas a mhain, “chaidh mo pharantan air bord an t-soithich.” Fhreagair Seasach, ach ’se tha’nn dhiotsa duine—thoir breth air do shon fein.” Bha Tomas air seachranaich. Dh-fas an oidche ni bu duirche; dh-fhas guth an Teachdaire fann aig aon am ghabh e ceum dh-ionnsuidh chladaich, ach chur briathran sgeigeil Seasach, eis air. Air dha fhaicinn ann an ioma-chomhairle, dh-intrinn Seasach air comh-labhairt fhada ag cuir a’n ceill, nach b’fhiu Leabhar na Beatha am paipeir air an do sgriobhadh e; cha ’d fhosgail esan e fad leth cheud bliadhna; cha robh ann an guth an Aingeil ach Tairneanach. Chriochnaich e le bhi dearbhadh chum a riarachadh fein, nach robh aon chuid, agus nach b’urrainn a bhi, saoghal eile ann. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Leigsidh Minard’s Liniment loimdh. ’N do phaigh thu am MAC-TALLA? Mur do phaigh, na cuir an corr dail ann, ach cuir an t-airgiod air adhart leis a cheud phosta. Tha sinne gle fheumach air ’s bidh sinn ro thaingeil nuair a thig e. LEIGHEAS DO DHROCH STAMAG:—Tha moran euslaintean, mar a tha droch fhuil, ceangal-cuim, us ceann goirt a leantuinn droch stamag. Leighsidh B. B. B. iad so uile ma theid a ghabhail a reir nan seolidhean. Dh’fheuch na miltean e, agus rinn e feum dhaibh. Tha e air radh gu robh Uilleam, Impire na Gearmailt fior thoilichte ’nuair a chual e gu robh Breatuinn ’san Fhraing gu bhi ’m bad a cheile.“Nis,” ars esan, “tha ’n spors air toiseachadh.” Tha e gle choltach ri rud a theireadh e, ach gu fortanach tha n spors gun toiseachadh fhathast. Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. Caite ’n robh ’n coileach nuair a chuala h-uile neach a bh’ air an t-saoghal e ’gairm? Anns an airc. Ma chi thu tri eoin air craoibh ’s gu marbh thu dha, cia meud ian a bhios air a chraoibh an deigh sin? Cha bhi gin, Teichidh an treas fear. De ’n rud a’s coltiche ri leth ubhail? An leth eile. COCAIRE MATH.—Cha toir cocair. math dhuinn uair sam bith biadh nach gabh cnamh. Ach tha na cocairean matha gann agus air an aobhar sin, tha moran ann nach eil a cnamh am bidh. Ach faodidh tu biadh sam bith ithe agus na thogras tu dheth ma bhios tu a gabhail Burdock Blood Bitters, an leigheas a’s ferrr air son gach meur de na h-euslaintean sin. Thanig fear-turuis uair gu baile anns nach robh e riamh, agus cha robh e idir a cordadh ris cho geur s’a bha muinntir a bhaile ’g amharc air. Air son stad a chuir air an cuid amharc thionndaidh e ri fear dhiubh agus thuirt e ris, “Cha chreid mi nach aithnich sibh mi ma thig mi ’n rathd am feasda tuilleadh.” “Aithnichidh gu deimhin,” ars am fear eile, “chan eil duine sa bhaile nach aithnich thu, ’se sin mur-a glan thu t-aodann.” Tha P. I. Quinn, St. John, N. B., a sgriobhadh,—An deigh dhomh a bhi tinn le droch stamag aireamh bhliadhnichean, agus an deigh dhomh gach leigheas fheuchinn air an cuala mi iomradh, tha mi nise toileach innse do na h-uile gun do leighseadh mi gu buileach le K. D. C., ged nach no ghabh mi dheth ach ceithir bocsichean. Cha robh mi riamh na bu shlaine na tha mi ’n diugh. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 64] [Vol. 2. No. 9. p. 8] A BHANIS THIORAM. LE DOMHNULL DOMHNALLACH AN TIRREADH Thachir am bard an Iain Mac-Gille-dhuinn air latha bainnse Iain. Thog e bean-na-bainnse air a chulthaobh air an each, agus thug e leis gu taigh-na-bainnse i. Cha d’ iarradh air urad agus o dhol a staigh. Air an rathad dhachidh thoisich e air an oran. LUINNEAG. Chaidh mise leat, Iain, Gu cridheil le m’ ghearran; ’S ann agad, a charid, Bha banis an aigh; A damhs’ air an urlar Bu shubailte bras thu, ’S do ghruaidhean air lasadh Le maise thar chaich. ’S tu Iain Mhic Challuim, An galan ro ghasda; Gu bheil thu fior thaitneach, Ach t’ fhaicinn air blar. Gu’n d’ choinnich mi ’n de thu Le d’ cheile ’s le d’ ghillean; ’S cha b’fheairde mi sud, Mur bu mhisde mi e. Gu ’m faca mi-fhin sin, Triuir dhe do chuideachd Bha tuilleadh is duilich A chumail ’ad phairt; Seadh Ailain Mac Dhomhnuill, Is Padruig is Lachinn A dh’oladh ’sa sgapadh Am pailteas le cach. Thog mise le bosd A bhean og air mo chulthaobh, Is dh’fhalbh mi gu siubhlach. Gun churam, gun phramh; Gu ’n dug mi bhean og dhuit Gu foil aig an dorus; ’S tu fein a bha sona Mu ’coinnimh air lar. Cha d’ iarr thu gu d’ bhord mi, No dh’ol ann ad chuideachd, ’S gu’m paighinn cho ullamh Ri duine de chach. An sgioba math uasal, A ghluais leat o’n bhaile, Cha d’fhuair dhe do bhanais Ach aran is cais. Carson bhiodh tu ’g iarraidh Fear riarachadh drama, ’S do bhuideal sa falamh Mur gabh iad an clar. Bhon fhuair thu mar dh’iarr thu Do riarachadh tochir, Gum faodadh tu botull A chosg agus cart. Bidh ballart gu dilinn Is miothlachd is farran Air duine nach h-aithne dha ’Charid seach cach. Gu’m b’amaideach dhomhsa Dol comhl’ riut o’n bhaile, Mi fhin is mo ghearran, Is feaminn air traigh! Gur h-iomadh og gleusda ’Bha ’teumadh do leannain, Ged rinn thus’ a mealladh ’S an car ’thoirt a cach. Bho ’n fhuair thu fo d’ sgeith i, Na treig i ri d’ mhaireann, ’S’ nach h-eil ann san fhearann Te eil’ ’theid ’ad dhail. Tha mise ’m brath posadh Ri oigh dha bheil earras; ’S gu’m bi aig mo bhanis Na gallain le agh; Ach fiach thus’ a laochainn Am faod thu ’bhi ’m chuideachd; Cha doir mise cuireadh Do thrudar gu brath. Thhanig bas gle ath-ghearr air Mr. Alasdir Mac Illinnean, a bha o chionn aireamh bhliadhnichean a gleidheadh an taigh-sholuis Bai St. Lawrence. Bu bhrathair e do’n Dotair Mac ’Illinnean am Margaree, agus thugadh a chorp dhachidh do’n aite sin gu bhi air adhlacadh. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Di-ciadinn aig seachd uairean (7 p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nam Cleireach. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Mc Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 65] [Vol. 2. No. 10. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 2, 1893. No. 10. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Ri aon de na stoirmeannan a bh’ann o chionn ghoirid rugadh air a dha dheug de bhatichean iasgich a St, Pierre faisg air Eillean Phoil, agus mur biodh tapach an fhir a tha cumail an taigh sholuis bha iad fein ’s na bha air bord,—mu dheich duine fichead,—air an call. Cho luath sa bha ’n stoirm seachd fhuair iad a dhol air an ais gu St. Pierre. Bha Mr. Iain Camaran, a Ontario, ann an Sidni air an t-seachdain so a gabhail ainmean us airgiod air son paipearan a th’ air an cur a mach an Toronto air son a bhi nan cuideachadh do luchd ceannachd. Is Gaidheal Mr. Camaran a thanig a mach a Inbhirnis, ach tha e nise ri ceannachd ann an Ontario. Bha e gle bhuidheach de thurus do Cheap Breatuinn. Chailleadh soitheach da’m b’ainm Harold, anns a Bhay of Funday Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Dh-fhag i Sidni-a-Tuath deireadh na seachdain roimhe sin agus bha i air cladach a deas Nobha Scotia ris an stoirm. Fhuair i as gu tearuinte ach nuair a ranig i mu choinneamh Wolfville bha na tonnan cho garbh ’s gun do chuir i car dhith, a dol do’n ghrunnd leis a huile duine bh’ air bord. Maduinn Di-luain s’a chaidh bha oifigeach soitheach air a thoirt gu cuirt aig Sidni-a-Tuath air son a bhi ri mi-riaghilt air an t-sraid. An deigh dha cain throm a phaigheadh, leigeadh ma sgaoil e, ach am feasgar sin fein chaidh a thoirt gu cuirt a rithist air son a bhi cluich nan cleasan ceudna, agus chaidh cain throm eile leagail air. Chan eil teagamh nach bi e na’s faicilliche ’n ath uair a theid e air tir. Tha ’m bradan anabarrach pailt ann an an Columbia Bhreatunnach. Di-mairt air an t.seachdain s’a chaidh ghlacadh barrachd air na ghlacadh ann an aon latha riamh roimhe. Cha roth bata mach a rug air na bu lugha na coig ceud iasg, agus bha moran a rug air corr us mile. Chan eil na h.iasgairean comasach air feum a dheanamh dheth uile le cion salainn. Leag am pailteas so a phris air ball, agus an diugh gheobhar aireamh sam bith de na bradain air coig sentichean am fear. Oiche Di-haoine air an t-seachdain s a chaidh, aig Souris, P. E. I., bha seoladair a mhuinntir Gloucester, Mass., air a leon gu dona le seoladair eile. Bha seoladair eile air a dhroch ghoirteachadh le claich a chaidh a bhualadh air ’sa cheann. Bha aireamh mhor de sheoladairean Geancach air tir agus bha iad fein us seoladairean an aite gle shearbh an aghaidh a cheile. Air eagal gum biodh tuaireap sam bith na’m measg Di-sathairne, chaidh na saighdearan a ghairm a mach, ach gu fortanach cha robh feum sam bith orra. Bi’dh cuimhne air ceud mhios an fhoghair 1893 iomadh bliadhna ’n deigh so mar mhios anns an d’ rinneadh call mor air muir ’s air tir. Cha robh a leitheid de stoirm ann o na bha ’n stoirm mhor ann fichead bliadhna air ais. Rinneadh call mor air soithichean anns gach aite; tha naigheachdan ura tighinn a h-uile latha. Bha call na “Dorcas” na ni cho cianail sa thachair o chionn fhada. Bha’n soitheach sin maille ris a bhata guail a bha i toirt leatha air a turus gu Halifax, agus rainig i cho faisg ri deich mile air a ceann-uidhe ach an sin bhuail i air na creagan agus cha robh duine dhe na bha air bord air fhagail a dh-innse sgeoil. Nam biodh an caiptean air an “Dorcas” fhuasgladh o’n bhata eile tha e cinnteach gu leor gu’m faodadh e ’n acarsaid a thoirt a mach gu sabhailt, ach bhiodh e ’n sin a fagail deichnear d’a cho-chreutairean aig a bhas, agus cha deanadh e sin. Lean e ris an “Etta Stewart” gus an tug an stoirm agus na tuinn buaidh orra ’s an robh iad uile air an slugadh suas leis an doimhne. Bha ceathrar ar fhichead air bord an da shoitheach am measg an robh bean phosda, nigheanan oga agus dithis chloinne. Fhuaireadh na cuirp uile ach dithis, Tormoid Mac Griuridh, a mhuinntir Chatalone, agus te de na h-igheanan a bha air bord a bhata-ghuail. Thugadh dhachidh corp a Chaiptein ’Ic Fhearghais agus corp Sadie Musgrave toiseach na seachdain so, agus ranig corp Chaluim ’Ic Asguill, a mhuinntir Louisburg oiche Dior-daoin. Bha cach air an adhlacadh aig a chladach far an robh na soithichean air am bristeadh. [TD 66] [Vol. 2. No. 10. p. 2] COMA LEIBH CO! AS AN “EILEANACH.” Dh’fhag mi baile mor na toite, agus na straighlich, as mo dheigh air an naoidheamh latha do chiad mhios an fhoghair, ann an carbad na smuid; thug e aghaidh anns an airde tuath ’us cha bu mhall a cheum. Cha robh mi anns a’ Ghaidhealtachd o chionn ioma bliadhna roimhe, ach chuir mi romham gu’n rachainn am bliadhn’ ann, agus o ’n a chuir mi romham e rinn mi e. Bu ghoirid an uine gus an d’ thug sinteagan an eich-iarruinn mullach nam beann, ’us coill’ nan coireachan, anns an t-sealladh, agus mar a bha Eachunn Tristeach ag radh mu na tighean a bha e faicinn ’n uair a bha e dol do Phaisley,—“Ma b’ fhada bh’ uainn iad cha b’ fhada g’ an ruigheachd;” ach coma co dhiubh, cha b’ fhada gus an d’ rainig mi mo cheann-uidhe, agus na ’n abradh neach ri m’ shean athair gu ’n tigeadh duin’ a baile Ghlaschu gu Tigh a’ Ghnopain ann an ochd uairean do thim, theireadh e gu’n robh ’n t-am curam a ghabhail dheth. Ach bha mis’ aig Tigh a’ Ghnopain, agus leis nach robh moran do shoillse latha agam an deigh ruigheachd, cha d’ fhuair mi moran seallaidh air an duthaich mu’n cuairt air an fheasgar ud, ach bha mi gle thrath ’sa’ mhaduinn air feadh nan cnoc ’s na rudhachan, agus an uair a thill mi a dh’ ionnsaidh an tighe mu naoi uairean, bha mi faireachdainn mar gu ’m bu mhath leam rud-eigin fhaotainn r’ a itheadh, agus an uair a fhuair mi sin, agus mi fein a chuir air doigh, ’s e thainig ann am cheann gu ’n coisichinn gus an ruiginn Tigh Charraigsa’ Chaorainn, a bha ochd mile bh’ uam, agus gu ’m fuirichinn ann car oidhche, no mhath dh’fhaoidte a dha dhiu, na ’n cordadh mo thurus rium. Fhuair mi gach seoladh a bha bh’ uam o’ fhear an tighe agus dh’fharraid mi dheth, am biodh e coltach gu’n tachairean air seann duine no seana bhean a bheireadh dhomh seann sgulachd, no seann oran, agus ’s e thuirt e rium “Bithidh e coltach gu leor gu ’n tachair thu air Paruig Ban nan rann, agus m’ a bheir e dhuit ‘Oran an Ridire,’ ’their thu nach robh do shaothair a nasgaidh an uair a thilleas tu.” Dh’ innis e dhomh far am bitheadh e coltach gu ’m faicinn e, “ach,” ars’ esan, “leig ort nach d’ rinn tu ach tachairt air le tuiteamas, agus na h-iarr air ach an rud a thogaras e fhein a thoirt duit. Ma shaoileas e gu’n deachaidh tu a dh’ aon obair d’ a ionnsuidh bidh e cho balbh ri foid moine. Dh’ innis e dhomh coltas Pharuig—gu ’m biodh e buachailleachd nan caorach, gu ’n robh cu dubh aige, aig an robh a chluas dheas agus a chas thoisich chli, geal. A mach ghabh mi, agus an deigh dhomh dha no tri do mhiltean do ’n astar a choiseachd, thainig cu dubh na cluaise gile agus rinn e comhart air cnocan crioman beag an taobh thall dhiom. Chunna mi duine beag liath ag eiridh a pill fhroinnich os mo chionn, ’us e ’gabhail a nuas ann am choinneamh, agus an uair a thainig e ann an astar bruidhne dhomh, thubhairt e, gu ’n robh latha math ann. Fhreagair mi fein e. An sin thubhairt e o’n a bu choigreach mi gu ’m b’e modh dhasan iarraidh orm suidhe, agus rinn sinn sud le cheile air tom fraoich. “C’ aite,” ars’ esan, “an d’ ionnsuich thu ’Ghailig?” “Cha d’ ionnsuich mi idir i,” arsa mise, “dh’fhas i annam.” “Ach c’ ait’ an d’ rugadh ’s an do thogadh thu? ars’ esan. “Ann am baile Ghlaschu,” arsa mise. “Fhir mo chridhe!” ars’ esan, ’s e breth air laimh orm, “cha ’n urrainn moran sin a radh rugadh ’s a thogadh ann am bail’ Ionarnis.” Thug mi fein lamh air adharc a bh’ ann am phoca, cha ’n e adharc fhudair, ach adharc anns an robh deur beag do Mhac-an-toisich. “An ol sibh deur uisge-bheatha?” arsa mise. “Mata, ’s mi dh’ olas,” ars’ esan—agus an uair a dh’ ol sinn air a cheile, thuirt e rium gu ’n robh e smaointinn gu ’n robh an da chuid deadh uisge beatha agus deadh Ghailig againn ann an Glaschu. Cha d’ innis mi dha nach d’ rinn mi ach fhaotainn ann an Tigh-a’ Ghnopain air a’ mhaduinn ud fhein. “An seinn sibh dhomh seann oran?” arsa mise. “Nach deanadh fear ur an gnothach?” ars’ esan. “Gasda!” arsa mise. “Mata, bheir mi dhuit ‘Oran an Ridire mhoir.’” “Co e an Ridire mor?” arsa mise. “An rud nach buin duit na buin da,” arsa Paruig, “ach bha sinn sean-athair aig sean athair an Ridire mhor, nach robh ’n a ridire idir, ris an abradh iad ‘Domhnull dubh nan cath,’ agus dh’eirich Domhnull as an uaigh o chionn ghoirid, agus so agad mar a labhair e ris an Ridire. Thachair air oidhche shonraichte gu ’n robh an Ridire ’n a shuidhe ’n a sheomar, far an robh leabhraichean, as dealbhan, agus armachd a shinnsearachd an crochadh air a’ bhalla. Cha robh duin’ aig ach e fhein agus botul branndaidh. Bha e ’fas gu math anmoch ’s an oidhche, no gu math trath ’s a’ mhaduinn, dh’ fhaoidte gur a h-e a’s fhaisg’ air an fhirinn, agus leis a bhi feuchainn gu math tric gu de am blas a bh’ air a’ branndaidh. ’s e thachair gu ’n do chaidil e, agus chunnaic e an dorus a’ fosgladh agus co a thainig a stigh ach Domhnull dubh nan cath. Shin e suas a lamh agus thug e nuas an luireach-mhailleach a bh’ BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. ABTHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. heannichean a bhrist ann an Nobha Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 67] [Vol. 2. No. 10. p. 3] aige fhein bhar na taruinn air an robh i an crochadh, ’us e ’n a sheasamh air an urlar, ged nach b’ urrainn an Ridire mor ruigheachd oirra gun a bhi ’n a sheasamh air a’ bhord. Chuir e uime an luireach agus thug e nuas an claidheamh mor. Shlaod e mach as an truaill e agus sheas e mu choinneamh an Ridire; agus so agad,” arsa Paruig, “na briathran anns an do labhair e ris:”— ORAN AN RIDIRE MHOIR. AIR FONN.— “E ho ro, mo Mhairi lurach, G’ an tug mi mo ghaol cho buileach.” Bha mi ’m chadal, ’s tim dhomh dusgadh, Iorguill mhor air feadh na duthcha, Sluagh g’ an ruagadh ’us g’ an sgiursadh, Anns gach cuileag agus frog. An gleann ’s an robh mi fhein ’n uair dh’fhag mi, Bha ceol fidhl’ ann, bha ceol gair’ ann, ’N diugh cha ghluais ach uamas samhchair, Shaol mi gu’m bu bhas gach beo. Sheas mi fein air cnoc a’ Charnain, Ghlaodh mi, C’ait’ am bheil na Gaidheil? Fhreagair, ’s thuirt Mac Talla, C’aite? Aileis fhas air cainnt mo bheoil. Tionndaidh riumsa, cum fo d’ shuil mi, Innis dhomh mu chor na duthcha, Freagair mi oir [?] leamsa t-umhlachd, Faic tha ’n claidheamh ruisgt’ am dhorn. An d’ thainig creachadair do’n duthaich, Le airmailtean lionmhor, siubhlach. An d’ rinn plaigh an sluagh a mhuchadh— Cia mar fhuair a’ bhruid ann coir? Seall damh cabarach na ciabhaig, A dh’ fhag mi beo am morachd fiadhta, Tha e ’n diugh mar chaora phiatain, A dh’itheas am biadh a’ d’ dhorn. Ged a chi mi air an stuchd e, Cha chosdainn ris grainnean fudair, Bu choltaiche corc a’ bhuidsear, ’Se callta mar bhruid a’ chro. Am bheil thu ’m barail gur h-uaillse, Bhi ’direadh nan beann le h-uabhar, A’ losgadh fudar agus luaidhe, Chum an ruadhag thruagh a leon. C’ ait’ a nis ’bheil siol nan gaisgeach, A chomhraig ri m’ thaobh ’s na batailt, Sliochd nan sonn a dhion mo bhratach,— An deach an sgapadh air son oir? Bho nach miann leat do chomh-chreutair, Seach ainmhidhean balbh an t-sleibhe, Mar a bha Nebuchadneser, Theid do chuir le treud an fheoir. So mo chlaidheamh-s’—chaill e fhaobhar, Cha ghearr e dhomh beum air taobh dheth, ’S ann ni mi dheth slachdan-druigheachd, A ni ’s an aonach dhiot tom-eoin.’ An uair a labhair e na facail mu dheireadh do’n oran, thog e an claidheamh mor os cionn a chinn mar gu’m biodh e dol g’ a bhualadh air an Ridire.Ghearr esan aruinn-leum bhar na cathrach agus bhuail e mhala le ’leithid do smuid air taobh eile an t-seomair, ’us gu’n do thuit an luireach-mhailleach aig Domhnull dubh bhar na tairuinne air an robh i’n crochadh a nuas ma mhullach a chinn. Ghlaodh e “mort,” ’s e air a mhagan air an urlar; ach an uair a thainig a sheirbhiseach ’s a bhuail e aig an dorus, cha b’ e ’m buidheachas a b’ fhearr a fhuair e. Thuirt e ris a ghabhail do leabaidh, nach robh ann ach am burraidh. Chaidh e’n sin far an robh a charaid, am botal branndaidh, ach cha robh deur air a mhas. “Ach,” ars Paruig, “tha mi cinnteach gu bheil mi ga d’ chumail tuillidh a’s fada.” “Sibh fein nach ’eil,” arsa mise; “ach o ’n a tha fiuthair agam ’ur faicinn an uair a thilleas mi, gabhaidh mi nios an rathad mor. Tha mi ’dol gu ruig Tigh Charraig-a’-Chaorainn. “Tha gnothuichean mi-nadurra g’ am faicinn ’s g’ an cluinntinn ’s an tigh sin an drasd.” “Gnothaichean mi-nadurra,” arsa mise. “’S fhearr dhuibh gun toirt orm tilleadh an rathad a thaing mi. Gu de na gnothaichean a th’ ann?” “O, tha ’n crodh a’ geumnaich, na mucan a’ sgiamhail, ’s na coilich a’ glaodhaich.” “Ach nach ’eil sin ’n a ghnothach nadurra gu leoir?” “Stad ort, a charaid,” ars’ esan, “na tog thusa mise gus an tuit mi, tha e nadurra gu leoir air a’ mheadhon-latha, ach cha ’n eil air a’ mheadhon-oidhche. Ach cha bhi mi ga d’ chumail ni ’s fhaide. Latha math leat, agus ma chi mi thu an uair a thilleas tu, bheir thu dhomh sgeul air na bochdain.” “Beannachd leibh,” arsa mise, “’s gu dearbh is mi fhein nach ’eil sgith d’ ar cuideachd. Bheir mi oidhirp air ’ur faicinn an uair a thilleas mi ’s e sin ma leigeas na bochdain leam tilleadh;” ’us leis a sud a radh ghabh mi air m’ aghaidh, gus an d’ rainig mi Tigh Charraig-a’-Chaorainn, agus rainig mi e an uair a bha iad a’ dol a shuidhe gu’n dinneir. (Re leantuinn.) Tha ’Ghearmailt an drasd a bruidhin air da fhichead muillein marg a chosg ann an togail soithichean-cogidh. Tha ’n Fhraing us Ruisia a fas gle laidir air a chuan agus tha ’Ghearmailt a dol a thoirt ionnsidh air cumail suas riutha, no mas urrinn di, a dhol air thoiseach orra. Tha rioghachdan na Roinn Eorpa o chionn bhliadhnichean ag armachadh ’s a neartachadh nan armailtean, gus a bheil an diugh a leithid a dh-eagal aca romh cheile ’s nach eil aon seach aon diubh deonach toiseachadh air an aimhreit. Leighsidh Minard’s Liniment amhach ghoirt. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 68] [Vol. 2. No. 10. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thughinn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE SEPTEMBER 2, 1893. THA aireamh de mhuinntir nan Staitean an Iar a bruidhinn air gum bu choir daibh feuchinn ri Columbia Bhreatunnach a cheannach bho Bhreatuinn, agus tha cuid diubh cinnteach ’nam barail fein gun teid leotha. Tha iad a dol a thoirt ughdaras do Chleveland air ceud muillein dolair a thairgse air a Mhor-roinn sin! Tha earbsa mhor aig na daoine so as an cuid airgid, tha iad an duil gun dean e rud sam bith air an smaoinich iad, ach ’se ’s docha gu faigh iad a mach nach eil Columbia Bhreatunnach no mir sam bith eile de Chanada ri chreic air son airgiod no or. Tha moran fearainn aig Breatuinn anns gach cearna de’n t-saoghal, ach ged a tha chan eil i faicinn gu bheil dad aice ri sheachnadh. Tha na breitheamhna a’s comasiche tha ’m Breatuinn ag aontachadh gur e ’n t-Urr. Iain Mac Griuridh aon de Mhinistearan an Eilein Sgiathanich, sgriobhadair Gailig cho math ’sa tha ri fhaotinn an diugh. Tha ’chuid Gailig cho glan, simplidh, ’sa dhoigh sgriobhidh cho ceart ’s nach eil duine ann a bheir barr air agus ’se duine gle ainneamh a thig suas ris idir. Cha bheag an toileachadh, ma ta, a ni ar leughadairean nuair a dh-innseas sinn dhaibh gu bheil an duin’ uasal so gu bhi ’sgriobhadh dh-ionnsaidh a MHAC-TALLA. Tha litir aginn uaithe anns a bheil e ag radh ma bhios e na chomas idir gun cuir e ni eigin thuginn uair ’sa mhios no ma dh-fhaoidte na’s trice. Tha sinn fada ’n comain Mhr. ’Ic Griuridh air son so a ghealltuinn, agus tha sinn lan chinnteach gum bi a sgriobhidhean fior thaitneach do gach aon a leubhas iad. THA’N sean-fhacal ag radh gur e “biadh an darra duine puinnsean an duin’ eile,” agus cha n-eil neach a thug bliadhna no dha a deasachadh paipear naigheachd nach abair gu bheil e cho fior ri facal a chual ’e riamh. Sgriobhidh cuid thuginn ag innse dhuinn cho buidheach sa tha iad de na sgeulachdan a bhios aginn ’sa MHAC-TALLA, ach cha n-eil ait ac’ idir do na h-orain; b’fhior thoigh leotha sinn ’gan cumail as. Cuid eile a their ruinn gun gabhaidh iad na h-orain a roghinn air ni sam bith eile. Tha cuid eile ’n toir air seann eachdridhean Gaidhealach, ’s cha n-iarradh iad ach sin fein. Agus tha moran a tha deigheil air a bhi faighinn naigheachd an na seachdain. ’Sa mhaduinn an de fhuair sinn litir agus dolar o dhuin-uasal a tha sinn cinnteach a tha gabhail aireamh mhath de phaipearan eile, ach tha e ’gabhail a MHAC-TALLA air sgath nan naigheachdan a gheibh e ann. Agus mar sin air adhart. Gach aon o’n cluinn sinn a thoirt dearbhadh as ur air firinn an t-sean-fhacail, ’s air gliocas an fhir a chuir na cheile ’n toiseach e. A Charaid,—Tha mi cinnteach gu robh th ’gabhail fadachd nach robh mo dholar air son an darra bliadhna dhe n MHAC-TALLA ’gad ruigheachd. Gheobh thu e anns an litir so, agus companach aige bho mo charaid, Murachadh Mac-Leoid. Bu mhath leam barrachd a dheanamh air son do chuideachadh, ach deanadh a h-uile neach a tha ’ga ghabhail a dhichioll air son aon ainm fhein agus aon dolar fhaighinn air son a MHAC-TALLA agus saoilidh mi nach bi thu ’tolach. A bheil aon idir anns na mor-roinnean so a thogas am peann a leag bas Dhr. Blair? neach a sheas cho duineil ri do ghuallainn air taobh nan Gaidheal agus na Gaidhlig cho fada sa bha e na chomas, neach nach faca mise riamh, ach air a bheil cuimhne aig mo pharantan agus aig iomadh aon eile anns a sgireachd so far an robh e air chuairt, car uine, na oige, agus an treine ’neairt. Air leam gu robh mo charaid, an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair airidh air fhalluinn tuiteam air, agus mar sin gu faicinn pios bho ’pheann uair us uair. Tha eagal orm gu bheil e fas rud-eigin gallda oirnn! Tha mi toilichte bhi faicinn “C. C.” a Strath Alba a deanamh cho math. Cha chreid mi, na’n cuireadh tu beagan impidh air, nach tugadh e cunntas a bhiodh gle thaitneach dha do sheann luch-leughidh air a chuairt do “Thir nam Beann,” agus gu h-araidh do’n Eilean Sgiathanach beagan bhliadhnachan air ais. Chan ann air son a chur an clo a tha mi sgriobhadh nam beagan fhacail so, ach a mhain air son leigeil fhaicinn duit gu bheil mi cur luach mhor air an oidheirp a tha thu deanamh air son cumail suas na canain a’s fearr a tha agam, ged a tha maibealais Bheurla agam comhla rithe. Ach ma thuirt mi facal sam bith a bhios a chum cuideachadh leat, dean a feum a thoilicheas tu dheth. Is mise do charaid, IAIN D. MAC LEOID. Valleyfield, P. E. I. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 69] [Vol. 2. No. 10. p. 5] Litrichean a Eilean a Phriunnsa. A MHAC-TALLA Ionmhuinn,—’S fhada bho na bha romham facal no dha chur thugad a dh-aithris mo thoileaches-inntinn a bhi faicinn na Gailig a beothachadh suas as ur “a dh aindeoin muiseag nam Gall,” agus a taisbeanadh nach eil i ro dheonach bas fhaotuinn gun ghleachd agus gun chathachadh gu duineil, calgarra, treun, airson a beatha mar bu nos le ar sinnsir o shean. Mo shoiridh do MHAC-TALLA a tha deanamh a leithid a dh-oidhearp uasail chliuteach air a bhi cumail ann an cleachdadh na canain “bhlasda, ghasda, shughmhor, anns na dh fheuch na baird an durachd. ’S mis’ gu brath nach toir mo chul rith’, gus ’n duinear mo shuil ’sa chadal.” Ach feumaidh na Gaidheil a tha sinn ann a thuigsinn nach dean a bhi guidhe piseach us buaidh leis a MHAC-TALLA an gnothuch mur dean sinn ar dleasanas fein ’sa chuis, agus ar lamh a chur gu dligheach, uasal, onarach air an sporan, an dolar a chur gu suilbhearra thuige, mar sin a co-fhreagairt an fhacail le gniomh. Tha mi fein a cur an da dholair so thugad air mo shon fein ’s air son mo bhrathair, ann an dochas gun dean cach an dlighe gu cubhaidh, agus co-dhiu ni no nach dean, co-dhiu leigeas iad deireas air MAC TALLA no nach leig, biodh fhios agad gun do choisinn thu meas us urram gach fior Ghaidheal a chuala t-iomradh? Ach tha eagal orm gu bheil mo litir a fas mi-thlachdmhor fada, agus mar sin co-dhunidh mi aig an am so. ’S docha gu faigh mi almsadh air beagan fhacail chur thugad fhathast an uine ghoirid, mur foghain so fhein leat dhe mo chuid scrobaidh. Gun bi MAC-TALLA a sior chinntinn, sultmhor, dreachmhor snuaghmhor, gun di, gun ghainne, gun dolum! Is e sin durachd Do charaid dileas, AONGHAS MACLAOMUINN. Liontal, E. P. I., Ogust 17mh, 1893. Litir o “Chabar-Feidh.” Tha mi gle fhada ’n comain “C. C.” an Eilean a Phriunnsa, airson am freagairt a thug e dhomh mu dheibhinn na Gaidhlig anns an eilean sin agus tha mi cinnteach gu ’m bi bhur luchd leughaidh uile toilichte chluinntinn gu’m beil na h-urraid do Ghaidheil fhathast dileas do chainnt an sinnsear. Nis, tha mi ’n dochas gu’n dean iomadh neach an aitean eile mar rinn “C. C.” agus mar so gu’m faigh sinn beachd ni ’s fhearr mu aireamh nan Gaidheal agus mu fhior staid na Gaidhlig. Cha’neil teagamh sam bith nach eil ath-bheothach sonraichte a dol air aghaidh an drasta co-cheangailte ris gach ni Gaidhealach agus ’s ann againn fhein a bhitheas a choire mur dean sinn feum de’n chothrom agus mur aisig sinn canain ar gaoil do ’n aite bhuineas di am measg chanainean na domhan. ’S math leam a bhi faicinn aireamh cho mor de litrichean ann am MAC TALLA bho gach cearn. Bheir iad so toileachas mor do bhur leughadairean agus cha mhisd an luchd-sgroiobhaidh iad fein a bhi ’cleachdadh an smuaintean a chur sios anns a Ghaidhlig. Tha iomadh neach nach d’ fheuch riamh ris a so a dheanamh a tha smuaineachadh gur ni gle fhurasda e, ach ris an neach sin ’s e thirinn-sa “Feuch do laimh air, mo charaid, agus chi thu ciamar a gheibh thu air adhairt” Ach air an lamh eile tha moran a tha comasach gu leoir air litir ghasda ’sgriobhadh ach tha iad ro shocharach agus leisg air toiseachadh. Thug mi sgriob troimh ’n Ghaidhealtachd o chionn ghoirid agus shaoil mi nach fhaca mi an duthaich riamh a coimhead cho math. Ged a bha ’n samhradh gle theth bha ni bu mho de uisge ’san taobh tuath no bh’ann an cearnan eile de’n tir agus mar sin tha ’m barr gle mhath agus ma gheibhear air a thional gu sabhailt e cha bu choir uireasbhuidh bhi air duine no ainmhidh fad a gheamhraidh. Tha teas anabarrach againn an so ochionn corr ’s seachduinn, an teis-mheidh a dol cho ard ri 93 anns an dubhar an de agus an diugh. Tha moran a tuiteam marbh anns na sraidean, air am bualadh leis a ghrein, agus mur d’ thig atharrachadh air an aimsir gu h aithghearr bithidh aithris ri dheanamh air moran call beatha. CABAR-FEIDH. Lunnuinn, 18, 8, ’93. Faic So! Ainmean na muinntfr a phaigh an dolar air son a MHAC-TALLA. Tha sinn an duil a bhi cur sios an ainmean bho sheachdain gu seachdain mar a chuireas iad an dolar thuginn. ’S iad so an fheadhain a chumas suas am MAC-TALLA agus a Ghailig ma bhitheas iad air an cumail suas. Buaidh us piseach air an ceann! Alasdir Peutan, Mabou. Domhnull Caimbeal, Baddech Mhor. Domhnull Mac Cuish, Cow Bay. Iain A. Mac Isac, Sidni Mines. I. R. Mac Leoid, Am Bai ’n Iar. Coinneach Mac-an-Toisich, do. Iain Mac Leoid, Tekoa, Wash. Dotair Mac Leoid, Spokane, do. An t-Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell. Ailain Mac Phiocair, Cow Bay. Ailain Mac Leoid, International Pier. Tormoid Mac Asguill, Framboise. I. I. Mac Leoid, Crapaud Corner, P. E. I. U. I. Siosal, Antigonish, N. S. Domhnull Domhnullach, St. Andrew, Aonghas Mac Gille-Mhoire, Marsh Lake Uilleam Mac Leoid, Mac Crimmon, P.O. Ont. S. Mac Neacail, An Amhinn Mheadhonach. A. D. Mac Neill, Orangedale. Iain Mac Fhionghain, Naw Canada. Padruig Mac Fhionghain, do. M. Mac Laomuinn, Liontal, P. E. I. A. Mac Laomuinn, do. D. C. Domhnullach, Cow Bay Road. Fearchar Mac Illinnean, An Amhinn Mheadhonach. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.0 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 70] [Vol. 2. No. 10. p. 6] MAR BHA, MAR THA, ’S MAR A BHITHEAS: Tearlach, an Griogalach, ’Sna Fridhean. (LE MAIRI NIGHEAN IAN BHAIN.) AIR FONN—“Thug mi gaol do’n fhear bhan.” MAR A BHITHEAS. Nuair bhitheas an Griogalach ’sa chill, Is a chuimhne fo’n fhad, Bithidh cliu Thearlaich ga sheinn Anns na glinn leis na baird. Nuair a thig iad Oidhche Shamhn’ As gach gleann am bi’n tamh, A dheanamh stapagan is cabhraich, Mar chuimhne air na bha. Eiridh seann duine liath, Corr is ciad, air an lar, ’S innsidh esan dhoibh gu foill, H-uile doigh mar a bha. Tha cuimhne agam nuair bha mi og, Mas robh brog mu mo shail, Tearlach Friseal-Mac-in-Toisich Cuir doigh dhuinn air mal. Eiridh diunnlach gun chearb, ’S ni e dhearbhadh de chach, Gun cual’ esan aig a sheanbhair An dearbh ni mar bha. E tigh’nn ri cur is cathag dian, Bha cur sion as an lar, Gu bhi seasamh air an ceann, ’N aghaidh ainneart na graisg. Caman aig air chaol da dhuirn, Leis an durachd a b’fhearr, ’S chuir e taoghal air an sroin, ’S Ian Ord mar ri cach, Eiridh maighdean le pros, Dh’innse storaidh do chach, Gun robh ’seanair aig a bhord, Leis an oganach bhan. Their an te bhios air a chuibble, Bithidh cuimhn’ air gu brath, Fhad ’sa bhios caothach air na beanntaibh, Is tuinn air an traigh. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Aig toiseach na ciad-bliadhna so, bha e na fhasan aig statichean ann an arm na Gearmailt a bhi cur faine anns gach cluais, agus uiread fhaineachan air am meoirean ’sa ghabhadh cur orra. Chan eil teagamh nach eil air an la ’n diugh moran ’san arm agus as an arm a bhiodh deonach an ni ceudna dheanamh ’nan ceadicheadh am fasan dhaibh. Tha daoine cho deigheil air a bhi ’san fhasan ’s nach leig iad le ’n co-fhurtachd no le ’n reusan cur na aghidh. Leighsidh Minard’s Liniment Crosdachd. Leigsidh Minard’s Liniment cnatan. Tha I. Edward Moore, Caledonia, N. S., a sgriobhadh, Dh-fhiach mise K. D. C. air droch stamaig agus cha d’fhuair mi a leithid riamh. Dh-fhiach mi iomadh leigheas ri m’ latha agus moran dhotairean, ach cha d’rinn aon diubh feum cho mor dhomh ’sa inn K. D. C. Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt le MINARD’S LINIMENT. ROBERT ROS. Two Rivers, N. S. Bha mi air mo leigheas o’n amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. IAIN A. FOREY. Antigonish, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT crupadh fheithean orm sa. MRS. RACHEL SAUNDERS. Dalhousie. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Di-ciadinn aig seachd uairean (7. p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nam Cleireach. MA RUIGEAS TU STOR D. J. D MHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. A. J. PEUTAN, FEAR-DHLCAIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Donghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 71] [Vol. 2. No. 10. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D. Bha Tomas ach beag air aomadh gu dhol air ais; ach cha b’ urrainn da mhathair, aig an robh baigh ris cumail oirre fein o ghlaodhach aig airde a guth, “Mo Mhac, Mo Mhac!” Lot na briathran e gus a chridhe; ged bha inntinn fo theagamh; thionndaidh e chulaobh air Seasach, agus ruith e dh-ionnsuidh a “Gheallaidh.” Air do na clachan bhi fluich le cobhar, shleamhnuich agus thuit e, a crathadh an anail as a chom air na creagan dheth ’n robh urrad miagh aig. Bha e caoidh ro mhuladach. Ghair Seasach aig a thuisleadh; ach thairg an Teachdaire Slainte dha. Dheirich e air a chasan, agus le corp bruite sgrobaich e steach do’n “Ghealladh.” Thionndaidh a ghaoth gu stoirm; dh-at na tuinn gu h-ard agus bhrist iad thairis oirre. Ghabh Tomas eagal ro mhor; rinn briathran Seasach ni bu ghealtaich e. Bha iad math nis leoir ann a fe air a chladach, ach gu’n fheum air bith ann a stoirm air an doimhne mhoir. Thog an Teachaire e steach do “Sgeul a Mhoir Aoibhneis.” Nuair shocraich e chas air a chlar uachdair, ghlac e misneach, agus thubhairt e ri Imanuel, “Mo Thighearn agus mo Dhia!” Chaidh am freagradh so thoirt dha: Air son gu faca tu mi, a Thomais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid.” Mar so rainig an Teaghlach gu leir “Sgeul a Mhoir Aorbhneis.” III CAIB. B’oidche sud a bha iomraiteach. Nuair chuairtich an dorchadas iad dhealraich “Sgeul a Mhor Aoibhneis” le solus Neamhaidh. Dhorduich Imanuel dha cuid araidh air bord Criosduidh agus a theaghlach a rusgadh agus a nighe o gach uile shalachar feola; bha an seann trusgain air an tional na’n torr, agus air an tilgeil thar na cliathaich, am feadh thubhairt Imanuel: Tilgidh mi ar ’n uile lochdan ann an doimhneachdaibh na fairge: cridhe nuadh bheir mi dhuibh agus ar peacanna agus ur n’ aingidheachd cha chuimhnich mi ni’s mo. An sin bha an sith sruthadh sios mar amhainn, agus d’fhireantachd mar thonna na fairge. Air an oidhche sin ghabh iad tamh a’n samhchair agus an earbsa chinnteach, a cadal fois muinntir thaghta Dhe. Anns a mhaduinn bha na h-uile nithe nuadh; agus b’ iad am feasgar agus a’ mhaduinn an ceud la. Nuair thainig Criosduidh air bord a chlair uachdair, bha e air fhailteachadh le Tuigse, a thubhairt ris, “Se toil an Tighearna gu’m biodh tusa na’d Chaiptean air an t soitheach so.” Fhreagair Criosduidh. “Cha’n aithne dhomh ciod tha thu ’g radh.” Fhreagair Tuigse, “feumaidh sinn umhlachd a thoirt dha guth Imanuel.” Choisich Criosduidh air clar uachdar na Luinge mar neach ann a’m bruadar. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. LITIR A EMERSON.—Bha mise ’gabhail Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry, agus ’se mo bharail gur e leigheas a’s fearr a th’ann air tinneasan samhridh. Rinn e feum mor dhomh fein ’s do m’ chloinn. MRS. UILLEAM WHITLEY, Emerson, Man. Tha luchd-riaghlidh China an deigh an inntinn a dheanamh suas nach teid iad a dheanamh dioghaltas sam bith air coigrich nan duthich air son mar a thatar a deiligeadh ri muinntir China anns na Staitean. LEIGHEAS DO CHEANN-GOIRT.—Tha ceann-goirt mar is trice a tighinn o cheangal-cuim, droch fhuil, droch stamag, no tinneas-a ghruain. Leighsidh B. B. B. na h-euslaintean so uile agus mar sin leighsidh e ’n ceann-goirt. Aon uair ’s gun toirear air falbh an t-aobhar, falbhidh an ceann-goirt. Bu choir do gach aon a tha gabhail ’sa leughadh MHAC-TALLA, feuchinn ri aon leughadair eile fhaotinn dha. Cha chuireadh e dragh mor air duine sam bith sin a dheanamh, agus dheanadh e feum mor do’n ghaipear. Bhiodh an aireamh a tha ’ga ghabhail air a dhublachadh. DROCH STAMAG AIR A LEIGHEAS.—Bha droch stamag a cur dragh orm fad cheithir bliadhna. Chunna’ mi B. B. B. air a mholadh ann am paipear, agus thoisich mi air a ghabhail, ’s thuig mi an uine ghoirid nach robh a leithid ann. Leighis tri botill mi ’s leighis iad gu math mi.—BERT J. REID, Wingham, Ont. Tha e air a radh gu bheil amhinn an ait-eigin ’sna Staitean ’s gu bheil cumhachd aig a h-uisgeachan gach ni a theid innte thionndadh gu cloich. Tha ’n amhinn iongatach so faisg air an aite ’san d’fhuair daolagan a bhunata an arach ’nan oige, agus air do mhoran diubh a bhi dol do’n uisge, tha iad air ball air an tionndadh gu bhi nan clachan beaga nach dean call no milleadh air bun no barr buntata. Nach iomadh tuathanach a tha ’n diugh a guidhe gu’n digeadh fras mhath throm de dh’uisge dhe’n t-seorsa sin air a bhuntata! “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 72] [Vol. 2. No. 10. p. 8] MAIRI LAGHACH. LE DUNNACHADH DUBH NAM BO. Tha an t-oran so air a dheanamh dha fein ’s da thriuir nighean. Ann an Sar-Obair-nam-Bard, tha “Mairi Laghach” agus oran Ghlinn Smeoil air am measgadh. Ho mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi bhinn, Ho mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi ghrinn, Ho mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi bhinn, Mairi bhoidheach lurach, ’Rugadh anns na glinn. Ged is fuar a ghaillionn, ’S ged tha ’n reodhadh ann, Ged tha ’m monadh fiadhich, ’S ged tha ’ghrian air chall, Tha gamhnichean ri’m bleodhan, Feol ghabhar gun mheang, Aran, im, us caise ’S cha bhi trath oirnn gann. Mi ’m shineadh ’sa bhuthaig Gun churam, gun sgios, Air an leabidh choinich, Dh-fhoghnadh i do’n righ, Uisge glan na fuaran Na chuartagan grinn, ’S ciu bhios teas no fuachd ann Thig e nuas na still. ’Nuair a thig a bhealltuinn, B’ annsa bhi ’s na glinn; Ged robh ’n t-aran gann Bi’dh amhlan air da-fhilt; ’S measgach, gruthach, uachdrach Buannachd a chruidh laoigh. ’S lonaid a chinn chuachich Cuir mu’n cuairt a mhig. Nuair a thig an samhradh Bi’dh a choill fo bhlath, Bi’dh na h-eoin a seinn A dh-oich’ agus a la, Gobhair agus caorich, ’San crodh laoigh le’n al, ’S Mairi bhan ’ga ’n saodachadh Ri aodann charn. ’S feumail dhuinn thu ’Mhairi ’Nuair a thig am blas, ’Cuartachadh nam bo, ’S tu ’n comhnidh air an sgath; Bi’dh tu dol do’m bhuaile ’S d’ fhalt mu d’ chluais a fas, A bleodhan a chruidh ghuaillfhionn ’S bi’dh a chuach fo bharr. Na’m biodh Seonaid laidir Chuir a lamh ’san im, Peigi ris an al Us Mairi mu’n chrodh laoigh, Bhithinn-sa cho statail ’Dol gu airidh leibh, ’S nach malairtinn m’ aite Ri fear ard ’san tir. Thug ur ’n abhachd barr Air ailleas righrean mor, B’ annsa na na straidean Duilleach ’s barr an fheoir, Flurichean an fhasaich ’Toirt dhuibh cail us treoir, Struthain ghlan nan ard-bheann Chuireadh slaint ’s gach por. Cha n-eil inneal ciuil A fhuaireadh riamh fo’n ghrein Dh-aithriseadh air choir Gach ceol bhiodh againn fein; Uiseag air gach lonan, Smeorach air gach geig, Cuthag us gug gug aic’ Maduinn churaidh cheit. ALASDAIR AN RIDSE. Chaidh coig tunna deug de sgadan a chuir gu Boston a Canada an la roimhe. Air a bhliadhna so chaidh suas ri ceithir cheud mile (400,000) giomach beo a chuir a Nova Scotia do na Staitean, luchd leth-cheud soitheach ’sa sia. Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na K. D. C Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear ionaid. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 73] [Vol. 2. No. 11. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 9, 1893. No. 11. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. ORAN. Le fear d’a leannan air dhi fear eile a phosadh nuair a bha esan air falbh as an aite. Fhir a shiubhleas mu ’n cuairt, Beir an t-soraidh so bhuam os ’n aird, ’Dh-fhios na h-ighinn a fhuair Mi caoin, farasd’, ’s mi cuallach bha. Thug i gealladh as ur ’S chaidh an comunn air chul a bha. Sgeula dubhach a chruais Gun do mhealladh i bhuam gu brath. Ciod, a nighean, am fath Mu ’n do chuir thu mo ghradh air chul? Cha n-fheil cuimhn’ air mar bha Bho na ghlac thu air laimh ’m fear ur; Air mar thaisbein thu ’n gaol ’Thug sinn seachad mar aon an tus; Air do gheallaidhnean blath ’S tu a tarruinn le gradh dhomh dluth. Ach co aginn dheth ’s fearr, Mis’ tha fhathasd mar bha san fheill, No an te ’chuir rium cul, ’S a tha ’m bann aig an umbidh bhreun? Bidh am maireach bean og, ’S blas na meal’ air a poig, fo m’ sgeith s’; Te a chridhe gnn gho ’Sa bheoil mheachair nach d’ fhoghluim breug. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha e air a radh gur ann aig Marquis Londonderry a tha ’n t-each a’s lugha air am beil cunntas. Cha thomhais e ach sia puinnd deug, agus chan eil e ach beagan us fichead oirleach a dh-airde. Bho’n dh-eug an t-Onarach Mr. Montgomery, a bha o chionn aireamh bliadhnachan na bhall de’n t-Seanadh, bha aite falamh ’sa Pharlamaid: Tha ’n t-aite sin a nis air a lionadh leis an Onarach Domhnull Mac-Fheaghais, Charlottetown. Beagan uine mu’n d’fhalbh an Dorcas air an turus air an deachaidh a call, fhuair fear de na h-oifigich da’n b’ainm Hanna, a bhean ’sa chlann, an dealbh air a tarruing aig Sidni-a-Tuath, agus bha iad a dol a thaghal ’ga h-iarridh air an tilleadh. Tha an dealbh a nise deiseil, ach chan eil duine de na tha innte beo; bha iad uile, an t-athair, a mhathair agus a chlann, air am bathadh, agus tha iad an diugh fo’n fhod. Tha ’n t-Urr. Iain Friseal, ministear a Chladaich-a-Tuath, an deigh an gairm a thugadh dha a Hogamah a dhiultadh; ’s fhearr leis fuireach far am beil e an drasd. Tha ’n t-Urr. D. B. Mac Leoid, ministeir Orwell, P. E. I., an deigh an gairm a fhuair e a Sidni a dhiultadh. Gheibhear litir o Mhr. Mac Leoid ann an ait eile ’sa phaipear so. Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, dh-fhalbh gille beag aois thri bliadhna le Eachunn Mac Coinnich, ’san Eilean Mhor, o’n tigh trath ’sa mhaduinn agus cha d’fhuaireas sgeul air gu ceann da latha. Bha mu thri cheud de na coimhearsnaich a siubhal na coille gu maduinn Di-sathairne, nuair a fhuaireadh e mu leth-mhile bho thigh athar. Ged a bha e gun bhlasad air biadh de sheorsa sam bith fad da latha, cha robh choltas air gu ’n robh an sgios no an t-acras a cur dragh air, no gu ’m bu mhisd’ e air doigh sam bith beagan de uine chur seachad air falbh o dhachaidh. Thanig tri longan-cogidh Fradgach a stigh do’n acarsaid toiseach na seachdain so, agus tha iad a falbh toiseach na seachdain s’a tighinn. Tha iad nan soithichean coltach, agus bu shealladh gle bhoidheach am faicinn a tighinn a stigh, te an deigh te, na dha a bh’ air deireadh mar gum ann a coiseachd an lorgan na te bh’air toiseach. Tha moran ann sa bhaile air am beil eagal gu bheil na soithichean Frangach a dol ’gar cur nar smuid uair no uair eigin, ach cha chreid sinn gu ruig iad a leas eagal sam bith a bhi orra. A GRAND RIVER.—“Fios o charaid gu caraid.” Bha Maighstir Mac Carthy agus flasgach uasal do’n ainm Coinneach Mac Coinnich a Tuba Pharuig ag amharc air Eas Ghrand River air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a dh-fhalbh. Tha iad a brath an t-Eas a chuir na smuid, feuch am faigh na bradan suas gu Loch an Airidh. ’Nuair a thachras so, gheibh am fear turuis ’san dol seachad faile cubhraidh a bhradain a kitchen na locha mar a ta ’n drasda faile nan giumach deth Acarsaid L’Archeveque. A Choinnich thig a ris, ’Se cho beag dhiot ’sa chi sinn ar leon. [TD 74] [Vol. 2. No. 11. p. 2] COMA LEIBH CO! AS AN “EILEANACH.” “Nach math an t-am an d’ thainig mi,” arsa mise. “Molaidh tu sin ’n uair a dh’ fhalbhas tu,” arsa fear an tighe, “ach suidh suas.” Bha ceathrar no choignear do luchd cuairt mar a bha mi fein a stigh—Gaill ’us Sasunnaich agus aon ghill’ og Gaidhealach, a bha air folach dhachaidh a Sasunn, ris an abradh iad Maighstir Mac-a’-Chubair, agus ’s e teisdeanas a bh’ aig fear an tighe air, gu ’n robh e cho carach rir a’ mhadadh ruadh. “Tha.” ars’ esan, “fichead car anns an t-sionnach, ach tha car-’ar-fhichead ann am Mac-a’-Chubair.” Bha na Sasunnaich gle ghaolach air a bhi ’n ar cuideachd a dh’fhaodainn ainmeanan nam beann ’s nan gleann, ach bha Mac-a’-Chubair ag radh gu ’n robh an spuaic-theang’ orra, ’us nach b’ urrainn iad an ainmeachadh gu ceart. Ghabh mi fein ’us Mac-a’-Chubair sraid mu ’n cuairt an aite. Dh’ fheoraich mi dheth an robh fada o ’n a thainig e do Charraig-a’-Chaorainn, Thuirt e gu ’n robh coig-la-deug o ’n a thainig e ann. “Am faca tu, no ’n cuala tu ni mi-nadurra sam bith o ’n a thainig tu ann?” arsa mise. “Cha chuala,” ars’ esan—“cha’n fhaod e bhi gu bheil eagal nam bochdan ort.” Dh’ innis mi dha an rud a bha Paruig Ban ag radh rium. Rinn e gaire, ach ann am priobadh na sul, chlap an coileach a sgiathan agus thug e ’n glaodh ud as ann am phoc’-achlais fein!—thug, a cheart cho soilleir ’s a thug e riamh air an dunan, ’s e ’n deigh ruaig a chuir air a choimhearsnach. Sheas mi ann an larach nam bonn, ’us mo lamh ann am phoc’-achlais mur gu’m bithinn air mu thatadh ris an talamh ’us mi am sheasamh cho direach ri aon do charrachan nam Fiann. Choisich Mac-a’ Chubair mu thuairmeas dusan slat bh’ uam agus an sin sheas e’ us sheall e thar a ghualainn an rathad a bha mi, mur gu ’m biodh iongantas air gu de bha ga m’ chumail; ach, coma co dhiu, thoisich mi fein air tuigsinn mar a bha gnothaichean gu math, agus thuirt mi ris ’us mi gaireachdaich, ’us a gabhail a null far an robh e, e leigeil burralaich an tairbh a chluinntinn dhomh, agus gu’m biodh agam ri ’radh gu ’n robh an fhirinn aig Paruig Ban an deigh a h-uile rud a bh’ ann. Ach mu ’n do leig mi am facal as mo bheul, chuala mi mar gu ’n cuireadh an tarbh “pudh” as a shroin agus thug e ’n langan ud as air mo chul-thaobh. Shaoil mi gu ’n d’ aithrich mi ’anail g’ a seideadh orm. Ghearr mi cruinn-leum o ’n talamh—thainig e cho clis orm, agus ge b’ e co chitheadh m’ aodan ’n uair a thionndaidh mi mu ’n cuairt, tha eagal orm nach robh fiamh mo ghair’ orm. Bha mi a’ faireachadh coltach ris an duine choir chrabhach air an cuala mi iomradh uaireigin. Bha e ’n a thuathanach, agus bha e latha ag urnuigh air cul garaidh agus ghuidh n gu ’m biodh cogadh ann, lus gu ’n cumadh e suas prisean an treud. Ach bha droch bhalaich air taobh eile a’ gharaidh g’ a eisdeachd, agus ’s e rinn iad meall do ’n bhalla a thilgeadh a sios air a mhuin, agus thug iad fein an casan as. Ach ’s e thubhairt e ’s e ’g eiridh—“A Thi bheannaichte, cha robh mi ’ciallachadh gu ’m biodh an cogadh cho dluth laimh.” Ach a chum sgeul fhada a ghiorrachadh,’s e bh’ ann gu’n robh a’ bhuaidh shonruichte sin aig Mac-a’-Chupair ris an abair iad anns a’ Bheurla, no ann an cainnt air chor-eigin “ventriloquism,” agus bha i gu math aige cuideachd. Tha eagal orm gu bheil iomadh bodach ’us cailleach mu Charraig-a’-Chaorainn a tha anns an lan bheachd nach d’ fhag sinn latha nan sithichean ’us nan spiorad cho fad as ar deigh as a bu mhath le cuid a thoirt oirnn a chreidsinn. Ach ghabh mi fein ’us Mac-a’Chupair air ar n-aghaidh. Bha e air son gu ’n rachadhmaid gu ruige tigh Ruaraidh Bhain a chum ’s gu ’m falbhadh e leinn leis a bhata a dh’ iasgach. Bha Ruaraidh ’na iasgair, ’n a fhear aiseig, ’s ’n a chroitear. ’Se duine bh’ ann aig an robh moran do bhriathran a’ chreidich, ach gle bheag d’ a spiorad. Cha nigheadh e aodan ach fior chor-uair, ’s theireadh cuid nach do nigheadh ach ach an da uair e, an latha rugadh e, agus an latha phos e. ’N uair a bha sinn a null a dh’ ionnsuidh an tighe, chunnaic sinn an gill’ aig Ruaraidh ’us e prabagachadh feoir ri taobh a’ cheum-rathaid a bh’ anns an aite. Dh’ innis Mac-a’-Chubair dhomh gu ’n robh am fleasgach so a bha eadar a bhi ’n a bhalach ’s na ghille, air fasdadh aig Ruaraidh. Bhiodh e ri sgalagachas ’s ri buachailleachd, ’s ri aiseag, ’us ris a h-uile rud a thigeadh ’n a rathad; agus ’s e am “brogach” an t-ainm a bh’ aca air. ’S e mar thugadh am brogach air, latha thainig fear a mhuinntir Pheairt a dh’ iarraidh an aiseig, agus an neach ris an abair na h Earraghaidhealaich ‘balach,’ their na Peairtich “brogach.” ’S e a thachair air an latha bha ’n so, gu ’n robh Ruaraidh trang a’ spealladh feoir, agus bha e air son a’ bhalaich a chur air falbh leis a Pheairteach, ach cha ’n fhalbhadh am Peairteach leis a bhalach air a shon; agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh Ruaraidh agus am Peairteach thar a cheile gu searbh, salach. Theireadh esan, an drasd ’s a rithisd: “a dhuine, chaill thu do riaghailt! am bheil thu smaointinn gu bheil mise ’dol a dh fhalbh a mach air a’ chuan comhla ris a “bhrogach?” “Cha chreid mi fein,” arsa Ruaraidh, “na’m faiceadh tu cuan nach foghnadh e dhuit, gun tighinn air falbh air. An e an cuan a their thu ri lub nan tunnag?” BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’m cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 75] [Vol. 2. No. 11. p. 3] Ach b’ fheudar do Ruaraidh falbh leis a’ Pheairteach, bho ’n nach earbadh e ’bheatha ris a “bhrogach.” Sin mar a thugadh am brogach air, agus lean e ris, agus tha mi a creidsinn gu ’n lean. An uair a rainig sinn e thug Mac-a’-Chubair greis a’ cogadh air. Dh’fheoraich mi fein dheth an seinneadh e oran dhomh, Thuirt Mac-a-’-Chubair gu’n deanadh e dhomh e cuideachd, na’n togairinn. “Seinn dhuinn am fear mu dheireadh a rinn thu,” arsa Mac-a-Chubair. Sheall am brogach mu ’n cuairt air, mur nach biodh e cinnteach co diu sheasadh e fad ’s a a bhiodh e gabhail an oran, no nach seasadh. “C’ ait’ am bheil do mhaighstir!” arsa Mac-a’-Chupair. “Tha e thall ’s a’ phort a’ caradh lion,” ars’ am brogach. “O, ma tha, cha’n fhaic e thu.” “Tha sinn ceart gu leoir,” ars’ esan, “ach feumaidh sinn ar suil a chumail air a’ chunnart nach ’eil sinn a’ faicinn cho math ris a’ chunnart a tha sinn a’ faicinn. Ged a tha fios agam c’ ait’ am bheil am bodach, cha ’n ’eil fhios agam c’ ait’ am bheil a’ chailleach.” Ach co dhiubh thoisich e ’us thug e dhuinn an t-oran. Ghabh sinn an sin a null do ’n phort, far an robh Ruaraidh, agus dh’ iarr sinn air am bata chuir a mach, gu ’n robh sinn air son dol a dh’ iasgach. “A dh’ iasgach ris a’ mhuir-lan,” ars’ esan, “stadaibh gus an till e air a thrathadh ’us gu ’m bi beagan do sheol-sruth againn.” “Ma ta ’s ann agaibh fein a’s fhearr a bhios fios,” arsa mise, “ni sinn mar a tha sibh ag iarraidh oirnn.” Dh’ eirich e agus ghabh e suas gu mullach a’ chnoic, ’us bha e sealltainn mu ’n cuairt air, ach bha Mac-a’-Chubair ag radh nach b’ ann ris an t-sruth a bha e a fuireach, ach gus am biodh am feur cruinn aig a’ bhrogach, agus tha mi creidsinn gu ’n robh moran do ’n fhirinn aige, a chionn an uair a bha ’m brogach ullamh do ’n obair a bh’ aige, ghlaodh e nall e agus dh’ fhalbh sinn. An uair a chaidh sinn mu thuairmeas leth-mhile a mach o ’n chladach thoisich sinn air fuasgaladh nam beart. “Ciod an seors’ eisg a bhios e coltach sinn a dh’ fhaotainn an so?” arsa mise. “Seorsa no dha,” arsa Ruaraidh. “Cnodain mar is bitheanta mu ’n am so bhliadhna.” “Nach cuala sibh riamh an cnodan a’ bruithinn?” ars’ am brogach. “Cha bhiodh iad fad’ a’ d’ chuideachd-sa ’n uair a chluinneadh iad a’ bruithinn thu,” arsa Ruaraidh. “Cha chuala iadsan no duin’ eile an cnodan a’ bruithinn.” “Gle cheart ma ta, feumaidh sinn tigh’n a dh’ ionnsuidh a chomhdhunadh gur e balbhan a th’ ann,” ars’ am brogach. “Ciod a bhios e ’g radh ’n uair a bhios e bruithinn?” ars Mac a’-Chubair. “Bidh e ’g radh “Na bruth mi,” ars’ am brogach. Ach thoisich Ruaraidh air slaodadh a stigh, agus thilg e cnodan beo air urlar a’ bhata. “Cha d’ thuirt am fear ud smid fhathast,” arsa mise. “Dean air do shocair,” ars’ am brogach, “gus am bi torr air muin a cheile dhiubh, agus cluinnidh tu ceol eil’ aca.” A’ cheud fhear a thug mi fein a stigh, rug mi ann am laimh air, ach ma rug, cha robh mi fada g’a leigeal as; bha cho math dhomh breth air a’ ghraineag,* cha robh bior a bh’ ann nach robh tri orlaich air fad, agus cho biorach ri snathaid mhor. Ach thoisich a mhire-chath ann an da-rireadh. Bha Ruaraidh ’s am brogach a’ slaodadh a stigh air gach laimh dhiubh. Bha briogais olla air gach fear aca, ’us bheireadh iad air a’ chnodan eadar an da ghlun, ’us ann am prioba nan sul bha ’n dubhan as, ’s air a thilgeil a mach a dh’ iarraidh fir eile, ach cha robh mise ’s Mac-a’-Chubair ach gle mhairnealach ’s a’ ghnothach a bh’ ann. Bha sinn am feum an cnodan a chuir air urlar a’ bhata ’s ar cas a chur air a mhuin, gus am faigheamaid an dubhan as. Chuala mi iomradh air feadhain a bhiodh tapaid, gus am biodh am fuil mu ’n suilean, ach mur a robh i mu m’ shuilean-sa bha gu leoir mu m’ mheoir dhi. Ach an uair a thoisich iad air fas na bu gheinne ’s nach robh a’ tighinn ach fear an drasd ’sa rithist, bha fear aig Ruaraidh eadar a dha ghlun an uair a thug e am mothar ud as, agus, ars’ esan, ann an deadh Ghailig ‘na bruth mi.’ ’S ioma rud a theid a chuir air neach anns nach bi e cionntach, ’us tha eagal orm nach robh an cnodan ciontach ann a bhi bruithinn Gailig cho math ri sud. Cha d’ thuirt Ruaraidh diog, ach bha e ’cumail a shuil gu math amharusach air an iasg. Bha so am brogach a’ tabaid ri fear ’s a toirt an dubhain as ’n uair a thuirt an cnodan, “na bruth mi ’bhrogaich.” Thug am brogach an urchair ud dha gu ceann eile ’bhata. “Na dean, a shlaoightire,” ars’ an t-iasg. Bha Ruaraidh ’us e ’n deigh fear a thilgeil a stigh a bha g’a aornagaich fein ann am measg chaich, ’us Ruaraidh a’ cumail a shuil dh’ fheuch an robh cainnt aig an fhear so. Is ann aigesan a bha sin. “A Ruaraidh,” ars’ an cnodan, “nach minig a bha fuil mo chinnich air do rudain?” Dh’ eirich Ruaraidh ’n a sheasamh, “dhachaidh sinn,” ars’ esan. Rug e air an da shreang cearta comhla, shlaod e a stigh do’n bhat’ iad, us b’ e sin am bata nach robh fada ’dol ’n a h-uidheam, gun smid a’ tighin as an ceann. Ruaraidh ’s am brogach, fear aig gach ramh dhiubh, ’us mur an robh spionnadh ghairdean g’ a cur bu neonach leamsa. Thoisich cnodan ann an toiseach a bhata air seinn— “Cul ri m’ leannan thug mis’ an diugh, Run nan cailin bha mi ’n deigh oirr’.” Cha robh roineag fuilt a a bh’ air ceann Ruaraidh nach giulaineadh ubhal air a barr, us cha robh am brogach fein fuathasach cinnteach as na cuisean a bh’ ann. Thoisich dha no tri do na cnodain a bh’ anns an deireadh air seinn leis an fhear a bha ’s an toiseach. Ghlaodh fear ’s e ’cur nan car dheth aig casan Ruaraidh, “C’ uin a ghlan thu t-aodan, a Ruaraidh?” Chrom Ruaraidh sios agus rug e air, agus thilg e mach air a mhuir e. “A shlaeightire,” arsa fear eile, “bhath thu mo dheadh charaid. Cha do chuir thusa boiseag do ’n uisg’ air t-aodan o ’n latha rugadh thu!” Thug Ruaraidh a leithid do shlaodadh air an ramh ’us gu ’n do bhrist a’ phutag, ’us dh’ fhalbh e an comhair a chuil, mullach a chinn a sios eadar an da thothta ann am measg an eisg. Ach cha robh e fada ’g eiridh ’s a cur putag eile ann an aite ’n aoin a bhrist e. Thug mi fein suil mhi chiatach air Mac-a’ Chubair, feuch an stadadh e d’ a ioradhltan mu ’n cuireadh e ’n duine as a bheachd. Ach bha sinn a’ teannadh ris a’ phort, ’us mu ’n gann a thug a sron cronan air a’ ghainmheach bha Ruaraidh a mach aisde, ’us cha do sheall e as a dheigh, gus an d’ rainig e dorus an tighe, ach bha na coimhearsnaich ag radh gu ’n do nigh e aodan an oidhche sin mu ’n deach e ’luidhe. Mu ’n d’ fhag sinn am port, thug mi fhein air Mac-a-’Chubair dol troimh phairt do na h-innleachdan aige a chionn cha robh toil agam am brogach fhagail ann an ioma-cheist mu ’n chuis. Agus an uair a thoisich e air seorsa tuigsinn a dheanamh air a’ ghnothach, ars’ esan—“C’ ainm so a th’ agaibh air.” “Tha,” arsa mise, “ventriloquism.” “B’ e bhi droll e gu dearbh,” ars’ am brogach, “tha e air a dheadh bhaisteadh.” Chaidh innseadh dhuinn gu ’n deachaidh an gnothach a mhineachadh do Ruaraidh le cuid-eigin a chunnaic barrachd do ’n t-saoghal ris fein; ach biodh sin mar a thogras e, cha robh do dh’ or no do dh’ airgiod ’n ar cuideachd-ne na bheireadh air a chas a chur ann am bata leinn gus an latha dh’ fhag-inn Carraig-a’-Chaorainn, ged a bha e gaolach gu leoir air an da chuid. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 76] [Vol. 2. No. 11. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thughinn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE SEPTEMBER 9, 1893. Ma chuireas am “Bachelor” o’n d’fhuair sinn sgeulachd bheag an la roimhe ainm thugainn, bu toigh leinn sgriobhadh thuige. Tha ’n sgeulachd gle eibhinn agus chord i ruinn gu math an am a bhi ga leubhadh, ach tha ni mo dha innte nach dean math dhuinn a chur ’sa phaipear aig an am so. Ma ’se so a cheud oidhearp a thug am “Bachelor” air Gailig a sgriobhadh, thug e oidhearp gle mhath, agus bu choir dha a lamh fheuchinn oirre fhathast. Dh’fhaoidte gum bi an ath sgeulachd nas fearr. Ach cha chuir sinn sgeulachd no ni eile, a aite sam bith, an clo gus am bi fhios againn co a sgriobh i. Tha so na riaghilt aig na paipearan uile, agus is riaghilt mhath i agus tha lan dhuil againne leantuinn rithe. Maduinn Di-sathairne sa chaidh, an darra latha de’n mhios, bha’m “bill” air son Fein-riaghladh a thoirt do dh-Eirinn air a leubhadh an treas uair, agus chuir Tigh nan Cummantach an aonta ris, tri cheud us aon air a thaobh, agus da cheud, tri fichead ’sa seachd na aghaidh. An latha roimhe sin bha aireamh mhath de dh-oraidean air an liubhirt, am measg chaich aon le Mr. Gladstone fein, a toirt sgriob chainidh orra-son a bha na aghidh agus ag radh aon nair eile nach d’rinn esan sa ’phairtidh ann a bhi toirt Fein-raghladh do Eirinn ach an ni a bha mar fhiachaibh air Breatuinn a dheanamh o chionn fhada. Chosg an Tigh ceithir fichead latha sa dha a tigh’nn gu co-dhunadh a thaobh a “bhill” so. Re na h uine sin bha 458 oraid air a liubhirt air taobh Fein-riaghladh, agus 938 na aghaidh. Thug Gladstone agus a ’phairtidh da fhichead uair ’sa seachd deug air an urlar le’n cuid oraidean, agus thug a phairtidh eile seachd fichead uair ’sa dha dheug. Cho luath ’sa bha Tigh nan Cummantach cuibhteas am “bill,” chaidh a chur gu Tigh nam Morairean. Chan eil fhios fhathast gu de ni iad san ris, ach tha moran de’n bharail gum bi e air a thilgeadh a mach. Ma ni iad sin feumidh Gladstone a chuis a chur air beulaobh an t-sluaigh aon uair eile, agus ma theid an sluagh an sin air a thaobh bi’dh ’n t-olc an dan do na Morairean; ach ma ’s ann a theid iad na aghidh, bi’dh Eirinn cho fada bho Fhein-riaghladh sa bha i riamh. O’n Urr. D. M. Mac Eamuinn. Gu Deasaiche ’Mhac-Talla: A Charaid Ghradhaich,—Ged nach d’ fhuair mi riabh an toileachadh ’d fhicinn, faodaidh mi gun ag no teagamh caraid a radh ribh. ’Chionn le’r n-oidheirp gu MAC TALLA a chumail air aghart dhearbh sibh sibh fein na’r fior charaid do Ghaidheil an t-saoghail gu leir, agus gu h-araidhdh do Ghaidheil Albainn Uir. Gun cinneadh gu math leibh, agus tha mi ’n dochas nach fhada gus am bi MAC-TALLA le naigheachdan gasda, le sgeulachdan eibhinn, agus le orain bhinne a thoirt foghluim agus toileachadh do gach teaghlach Gaidhealach san duthaich. Tha mi a’ cur thugaibh dolair air son bliadhna do MHAC-TALLA; agus tha mi’n earbsa nach be e ri aithris air Gaidhil ar dutchcha nach b’ urrainn dhaibh aona phaipear a chumail suas. Beannachd leibh. Bhuir caraid dileas DOMHNULL M. MAC EAMUINN. St. F. X. College, Antigonish, Sept. 1. O’n Urr. D. B. Mac Leoid. Gu Deasaiche ’Mhac Talla: A Charaid,—Gheibh thu ’san litir so aon dolar ($1.00) air son bliadhna do MHAC-TALLA. Tha mi fada ’nad chomain air son na h aireamh a chuir thu thugam, agus air son an iomraidh a thug thu air a ghairm a thugadh dhomh le Eaglais St. Andrew’s, an Sidni. Tha e gle dhuilich dhomh an gairm sin a dhiultadh, ach chan eil mi faicinn gur urrinn domh a ghabhail. Tha mi ’n dochas nach bi ’n uine ro fhada gus am faigh sluagh coir St. Andrews ministear freagarrach mar a tha dhith orra. Soirbheachadh le MAC-TALLA! Na’n cluinneadh tu an liuthad moladh a thatar a deanamh air do paipear, agus an liuthad guidhe dhurachdach gum bi piseach air, bheireadh e moran misnich dhuit. Tha e gu math doirbh airgiod a thoirt a cuid de luchd Gailig, ach mur fosgail MAC-TALLA an sporain, bi’dh e na ni gle neonach a bharrachd air a bhi na aobhar duilichion. Leis gach deagh dhurachd, D. B. MAC LEOID. Orwell, P. E. I., Ogust 15mh, 1893. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 77] [Vol. 2. No. 11. p. 5] Na Sean Sgeulachdan. LE A. MAC G. SINCLAIR. “Diomhanas nan diomhanas,” arsa Domhnull Mugach, nuair a leugh e mu ’n fhear a ghoid nighean an easbig. “Nach uamhasach an obair, ars’ esan, a bhi ’craobh-sgaoileadh a leithid sin de bhriagan air feadh an t-saoghail.” Cha do rinn Domhnull briag riamh ach an uair a bhiodh e gu buannachd shaoghalta dha. Mar sin, bha sgeulachdan nan diomhanas fior mhor na bheachd. Chan innseadh e sgeulachd fhaoin mu ghoid eich; ach nuair a bhiodh e creic eich dh’innseadh e gun robh e moran na b’fhearr na bha e. Agus aig a cheart am bheireadh e an deagh aire nach innseadh e cron sam bith a bhiodh air. Nam b’e sean each a bhiodh ann, each a bhiodh fichead bliadhna ’dh’aois, dh’innseadh Domhnull gun robh e ceithir-deug. Cha bu toigh leis a radh nach robh e ach ceithir-deug, ach nan digeadh a chuis teann air theireadh e sin cuideachd. Bha na sean sgeulachdan Gaidhealach anabarrach taitneach. Bha cuid diu a bha air an cur ri ’cheile gu fior shnasmhor. Cha b’ e bumailairean, no cealgairean, no daormunnan a dhealbh iad; ach daoine tuigseach, firinneach, blath-chridheach. Thigeadh dhuinn a bhi gu mor ann an comain Iain Chaimbail, an t-Ileach ionnsicht, uasal, eireachdail, measail a chaidh gu ’dhichioll gu ’n cruinneachadh. Chuir e am mach ceithir leabhrichean diu, ’s thatar an nis a cur am mach nan leabhrichean sin as ur. Dheanadh e feum mor do Dhomhnull Mugach, an t-snaoim chruaidh a th’ air a sporan fhuasgladh, agus an ceannach, ’s an leughadh gu curamach. Cha chosdadh iad dha ach sia dollair, agus is ni gur bhrigh sia dollair ann an coimeas ri sia fichead sgeulachd mhath. Bha Caimbalach Ile na chliu d’a chinneadh agus do na Gaidheil uile. Bha moran de dh fhiosrachadh de bhaighealachd, agus de shonas am measg dhaoine ri am nan sean sgeulachdan. Chruinnicheadh buidheann chairdeil an ceann a cheile aig beul na h oidhche. Dh’ innseadh fear sgeulachd mu shithichean, mu bhuidseachd, mu dhruidheachd, mu dhaoine a reic iad-fein ris an droch-spiorad, agus mu chrioch nan daoine sin. Dh’innseadh fear eile naidheachd nu bhochdan, no nu tha ghairm nan cat. Sheinneadh fear eile, no bean no nighean, oran a chuireadh fonn air gach cridhe. Gheibhteadh na h-athinnean, sgaoileadh a chuideachd, agus rachadh an luchd-ceilidh dhachidh gu sunndach, solasach. Ach chuir an t-stri gu bhi nor agus a chabhag as do ’n cheilidh. Nuair a tha daoine gu dichiollach a feuchinn ri airgiod a chur ri ’cheile, chan fheil uine aca gu dhol air cheilidh. Agus ged a rachadh cha bhiodh moran toileachidh aca. Leis mar a bhiodh an cridhe air an t-saoghal cha b’ urrinn iad labhirt mu ni ann sam biodh brigh no taitneas. Their cuid nach robh moran fiosrachidh aig na sean Ghaidheil. Chan urrinn mise sin a radh. Na sean daoine air an robh mi eolach cha bu daoine gun fhiosrachadh iad. Gheibhteadh eachdraidh, is sgeulachdan, is orain nam measg. Thug iad uile greis mhor ann san sgoil-oidhche. Sgoil-oidhche! An robh sgoil oidhche aig na bodich a thanig am mach as an t-sean duthich? ’S ann aca fhein a bha ’n sgoil-oidhche. Gu de a bha ’sa cheilidh ach sgoil-oidhche? Agus bu sgoil mhath i. Bha i math gus an inntinn a gheurachadh, gus a chuimhne a neartachadh, agus gu eolas a thoirt do n’ oigridh mu ’n t-sluagh bho ’n danig iad, mu ’n duthich do’m buineadh iad, agus mu euchdan Wallais, Bhruis, agus ghaisgeach eile. Co dhiu a bha fiosrachadh am measg nan sean Ghaidheal no nach robh, bha sgeulachdan nam measg. Ach dh’fhalbh na sgeulachdan. Chuir an t-aineolas, a mhorchuis, an ti, agus na paipearan naidheachd as daibh. Nuair a sguir na mnathan de ’n bhrochan agus a thoisich iad air an ti cha b’ fhiach na sean sgeulachdan. Chan fhoghnadh an sin ach comhradh mu na fleasgich ’s na caileagan a bhiodh a gluasad an cuideachd a cheile, mu ’n doigh ’san robh ’n te mu dheireadh a phos air a sgeadachadh, mu chuma aodich, mu bhoineidean is adan, mu chearcuill ’s mu shumagan-cuil, mu ’n chloinn a thanig ’s a bha ri teachd, agus gu sonnrichte mu mheud mhor, cabaireachd, struidhealachd, cealgaireachd, agus droch dhoighean am bana choimhearsnach. Nuair a fhuair na daoine na paipearan naidheachd cha robh uine aca air a dhol air cheilidh, agus chan eisdeachd iad ri sean sgeulachd. Cha bhiodh iadsan cho aineolach ’s a bha ’n aithrichean. Bhiodh fiosrachadh aig an fhear ’bu lagha tuir dhiu nach robh riamh aig a sheanair. Bhiodh iad a sas ann sna paipearan naidheachd cha luath ’s a bhiodh e dorcha gu leoir gu coinneal a lasadh. Leughadh iad le solas inntinn mu na mhort eagallach a chuireadh an gniomh an California, mu n aobhar a bha aig mnaoi oig ann an Chicago air litir-dhealachidh a thoirt d’a fear, mu chuilbheartachd tiolpadair-poca ann am Boston, mu ’n doigh ann san do chrochadh am mortair mu dheireadh an Ontario, mu ’n phrionnsa og mu dheireadh a rugadh ’san Roinn-Eorpa, mu chuairtean is oraidean luchd-riaghlidh na duthcha, agus gu sonnrichte mu innleachdan riaghlidh a dheanadh an t-airgiod cho pailt agus gum faodadh daoine a bhi nan tamh leth na h-uine. Nach math an gnothach gun deachidh na sean sgeulachd as! Nach taitneach, blasda beannichte na nithean a thanig nan aite! Nach h-ann aig Domhnull Muguch a tha n t-aobhar ta ingealachd! Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. THA “STOR SAOR SHIDNI” (a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.) a deanamh malairt mhor am bliadhna. Breacan Dheiseachan.. $0.05 Aodach Dheiseachan... .13 Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5.00...... 1.0 Aodach triubhis....... .27 Nelsons Liniment (25c.) .15 Sar Chunnradh, F. A. CROWELL, Fer-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 78] [Vol. 2. No. 11. p. 6] Ma tha duine math ri fhaotinn an diugh, se’n duine nach dean gaire ’nuair a chi e ’n t-uisge ’sileadh agus fhios aige gu bheil aig luchd na bainnse nach dug cuireadh dha ri bhi muigh fodh na h-uile boinne. Leighsidh Minard’s Liniment amhach ghoirt LITIR A EMERSON.—Bha mise ’gabhail Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry agus ’se mo bharail gur e leigheas a’s fearr a th’ann air tinneasan samhridh. Rinn e feum mor dhomh fein ’s do m’ chloinn. MRS. UILLEAM WHITLEY, Emerson, Man. Leighsidh Minard’s Liniment Crosdachd. Anns a Ghearmailt, nuair a thatar a feuch ainn duine air son cionta sam bith, ma bhios au jury air a roinn sia an aghaidh sia, gheibh am piosanach ma sgaoil, ma bhios iad seachd an aghaidh coig, theid a chuis fhagail aig a bhreitheamh, agus ma bhios iad ochd an aghaidh ceithir, bi’dh am priosanach air a dhiteadh. Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt le MINARD’S LINIMENT. ROBERT ROS. Two Rivers, N. S. Bha mi air mo leigheas o’n amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. IAIN A. FOREY. Antigonish, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT crupadh fheithean orm-sa. MRS. RACHEL SAUNDERS. Dalhousie. Bha ’n dotair ainmeil air son a chrathaidh a bheireadh e air laimh neach. Aon latha thachai, gille beag air, air an rathad mhor, rug e air laimh air ’s thug e ’m fasgadh abhaisteach dhi, agus dh-fheorich e, “Am beil thu gu math an diugh ’ille!” “Bha mi math gu leor,” arsa ’m fear beag ’s na deoir na shuilean, “gus an d’rug sibhse air laimh orm. Tha I. Edward Moore, Caledonia, N. S., a sgriobhadh, Dh-fhiach mise K. D. C. air droch stamaig agus cha d’ fhuair mi a leithid riamh. Dh-fhiach mi iomadh leigheas ri m’ latha agus moran dhotairean, ach cha d’rinn aon diubh feum cho mor dhomh ’sa inn K. D. C. DROCH STAMAG AIR A LEIGHEAS.—Bha droch stamag a cur dragh orm fad cheithir bliadhna. Chunna’ mi B. B. B. air a mholadh ann am paipear, agus thoisich mi air a ghabhail, ’s thuig mi an uine ghoirid nach robh a leithid ann. Leighis tri botill mi ’s leighis iad gu math mi.—BERT J. REID, Wingham, Ont. Leigsidh Minard’s Liniment cnatan. Air a bhliadhna chaidh seachad, chaidh tri mile coig ceud, ’s leth-cheud ’sa naoidh (3559) de shoithichean troimh rathad-uisge Shuez (Suez Canal). Bu le Breatuinn 2581 diubh sin; bhuineadh 292 do’n Ghearmailt, agus 174 do’n Fhraing. Cha deachidh troimhe fad na bliadhna ach da shoitheach leis na Staitean Aonaichte. ’Si ’n Fhraing a chuir mu dheadhinn an rathad-uisge fhosgladh an toiseach, ach chan eil i ’n diugh a faighinn uiread de ’mhath ’sa tha righachdan eile. LEIGHEAS DO CHEANN-GOIRT.—Tha ceann-goirt mar is trice a tighinn o cheangal-cuim, droch fhuil, droch stamag, no tinneas-a ghruain. Leighsidh B. B. B. na h-euslaintean so uile agus mar sin leighsidh e ’n ceann-goirt. Aon uair ’s gun toirear air falbh an t-aobhar, falbhidh an ceann-goirt. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh K. D. C an leigheas a’s fhearr a th’ann. Tha na dotairean a’s fearr ’ga mholadh. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c us 50c am botull A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 79] [Vol. 2. No. 11. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D. Chaidh na maraichean a thoirt na lathair aon as deigh aon. Be Eudmhor fear acfhuinn na Luinge. Bha ’ghuth mar beucail leomhann; be mac aon Dana o buidhean an teine ann am Babilon Deadh Mhisn-ach—duine cudthronach—thainig esan o bhaile beag da m’ ainm Beo-aig-Socair. Be Ceann-Cruaidh-seoladair foghainteach Mac Diotrephes, fear malairt speuclairean agus sean chraicionn sgriobhaidh; comh-cheangailte air taobh a Mhathair ris na Seasaich ann a Sraid a Cheo. Thainig Cuilc-bhruite bho baile an “Sion d’ en bheil caol smuid” ’se oganach euslainteach a bh’ ann, agus do bhrigh gu’n d-innseadh dha nach robh a laithean gu bhi buan chuir so gu mor thrioblaid e; agus air cluinntinn da gu’n leighiseadh “Turus” ann a “Sgeul a Mhor Aoibhneis” gach gne sheorsa thinnisean agus eucailean dhaon e rithe chum a dheanamh slan. Bhuineadh Faicill do bhaile Comhairlean-Tarsuinn labhradh e ach ainimig agus sin fein as deigh chaich. Air do na h-uile bhi nis ullamh gu seoladh, mhol na maraichean an Tighearna aig am bheil a throcairean a maireachduinn gu brath. Thug cuid fainear gu robh Peadar a seinn tuille is ard, am feadh bha tuchan air Tomas, air dha fuachd ghlacadh measg na ’n Creagan; sheinn Dearsadh coltach ri Babilonianach. Chuir Criosduidh beagan uine seachad na aonar, comhlabhairt na chridhe fein, agus a fantuinn na thosd; an sin dh-feoraich e dhe Tuigse mu thimchioll an t-soithich, fhreagair esan, “Tha i togta de dharach siorruidh gu’n mheang bho toiseach gu deireadh. ’Se Athair ar Tighearn a dhealbh i o thoiseach an t-saoghail, agus a chionn gu’n ’d ’leubh thu ann a Leabhar na Beatha gur h-E Caiptein na Slainte air a dheanamh foirfe tre fhulangasaibh, ’sann chum innse dhuit gu ’n sheol e cuaintean neo-aithnichte a dh-fosgladh slighe nuadh agus bheo. Sheas e roimh ’n chrann, chuir e aghaidh ris a ghaoith, agus chomhraig e ris an doinionn anns an dearbh shoitheach so. Air a chrann toisich tha samhladh creathall, air a chrann mhor crann ceusaidh, air chrann-deiridh mar gu’m beadh uaigh-fhosgailte. ’Siad so ann a samhla Breth, Bas, agus Ais-eiridh ar Tighearna. Nuair theid na siuil a sgaoileadh, chith thu iad geal mar sneachda. (Re leantuiun.) Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Bha Uilleam ag innse do Dhomhnull mu mhac da a bha air a dhol a mach an Iar, agus nach robh faotainn a shlainte. “Tha,” ars esan, “mo mhac an deigh moran tinneis fhaotainn o’n dh-fhalbh e, agus b’ eigin da moran siubhil a dheanamh o aite gu aite. Ach tha mi taingeil gu bheil e fhathast ann an tir nam beo.” Bha Domhnull latha no dha an deigh sin ag innnse do nabuidh eile mar a bha dol do mhac Uilleam, agus, ars esan “b’fhearr dha’n ghille bhochd nach d’ fhalbh e o’n tigh riamh.” “Agus c’ aite ’m beil e?” arsa ’m fear ris an robh e bruidhinn. “Tha e, ’n drasda” arsa Domhnull, “ann an aite ris an abrar Tir nam Beo, ge air bith de’n taobh a tha sin. Chan urrinn domh fhin a dheanamh mach; cha sgoilear mi.” Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 80] [Vol. 2. No. 11. p. 8] Mar thug Alastair an Car a Uistean. SGEULA FIRINNEACH. Ann an Gaidhealtachd na h-Alba bho chionn ghoirid bha seann duine coir da ’m b’ainm Uistean na chomhnuidh leis fhein. Air feasgair araidh chaidh Uistean a cheilidh air ban-charaid agus a mac Alastair, no mar bu tric a theireadh iad ris “Gorrie.” An deigh cuid mhaith dhe ’n oidhche a chaitheadh ann an seanachas, ghabh an seann duine a chead dhiubh agus chaidh e air an t-slighe dhachaidh. A nis bha tlachd mhor aig Alastair ann a bhi deanamh cleasan gun chron air muinntir, agus gu sonruichte air seann Uistean. An deigh do Uistean a thurus a ghabhail dhachaidh chuir Alastair e fein ann an uidheam cho uasal ’s b’urrainn e agus ghabh e rathad goirrid agus, air dha faotainn air thoiseach air Uistean, thionndadh e na choinneamh. Ghabh e air a bhi na choigreach agus dh’fhaighnich e ann am Beurla, canan air nach robh mor eolas aig Uistean—cait an robh tigh a mhinisteir. Thoisich Uistean air innseadh dha leis a bheagan Beurla a bh’ aige—agus be an seann duine a chluinntinn ris a Bheurla a cheart ni a bha Alastair ag iarraidh. Ach cha b-urrainn an duine coir a sheoladh mar bu mhaith leis, agus roghnaich e tilleadh maille ris a choigreach gus an d’ fhag e aig geata a mhinisteir e. Thug an coigreach ni-egin dha air son a choimhneis agus air faotainn ’ainm agus ’aite-comhnuidh thubhairt e gun faiceadh e fhathast e mun fagadh e an duthaich. Bha e na cheisd mhor air Uistean co an duine uasal a choinnich e agus cha d’ fhuair e neach sam bith a b-urrainn a fuasgladh. Beagan laithean na dheigh so, choinnich Uistean gille og a chuala mar thug Alastair an car as, agus thubhairt e gu’m b-urrainn esan innseadh dha co an duine uasal a bh’ ann agus gu’m b’e sin a charaid fhein Alastair. Dh’ fhalbh e gun dail gu tigh a bhana-charaid ach cha robh Alastair a stigh. “Seadh, a bhoirrionnaich,” ars Uistean.” an cuala tusa an obair a rinn do Mhac Alastair ormsa an oidche roimh? Nach do choinnich e mi air an rathad, agus nach do bhruidhinn e rium ann an Beurla chaol, chruaidh, Shasunnach—Shailoadh tu gur ann an Newcastle a rugadh e—agus, o’n bha e na b’ fhurasda dhomhsa tilleadh gu tigh a mhinisteir na a sheoladh ann am Beurla, thainig orm a dhol a h-uile ceum gus a gheata leis.” “A nis, Uistean” ars ise “nach eil cuimhne agadsa gun d’ fhag thusa Alastair na shineadh air an leabaidh nuair a dh’fhalbh thu an oidhche bha sin?” “Air m’ onair, a bhoirionnaich, gur tusa tha ceart. Bha an gille sin cheana. Gun an corr a radh rinn Uistean direach air a ghille og a thubhairt ris gu’m b’e Alastair a bh’ ann. “Nach d’ fhuair sibh a mach, a nis, Uistean, gur e ’ur caraid Alastair a bh’ ann?” Thug Uistean suil choimheach air agus reitich e amhach. “Tha thusa, laochan,” ars esan “breugach, agus cha n’ eil sin iongantach, sann de siol nam breugadairean a thainig thu!” Cha d’ fhuair Uistean a mach gu la a bhais co e an duine uasal, agus cha mho bha ’chridhe aig neach sam bith a radh ris an deigh sin gum b’e a charaid Alastair leis an deach e gu tigh a mhinisteir. CABAR-FEIDH. ORAN. DO SHIR IAIN MAC-GILLEAIN. Tha mi ’m shuidh’ air strath-riabhach, Ho i no hu o; ’S fada, fiadhich mo shealladh, No ho i no ho i, No i ri ri no hu o. ’S fada, fiadhich mo shealladh, Ho i no hu o; B’ fhearr gum faicinn Sir Iain, No ho i no ho i, No i ri ri no hu o. ’S e ’na thighearna thall ud. ’S cha bhiodh bodich an t-sughain ’Gabhail cunntis na t’ fhearann. B’fhearr gum faicinn an nios thu An glaic diollid air seang each. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’ aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear ionaid. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 81] [Vol. 2. No. 12. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 16, 1893. No. 12. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Naigheachdan Pearsanta. Bha’n t-Urr. Daibhidh Drummond, as an Eilean Mhor, agus a bhean, sa bhaile air an t-seachdain so. Tha Mr D. I. Mac Leoid a bha o chionn aireamh bhliadhnaichean na fhear cumail leabhrichean san Acadia House ’sa bhaile so, a nis an Glace Bay ri ceannachd air a laimh hein, agus tha sinn a cluinntinn gu bheil a soirbheachadh leis gu math. Bha Mr Iain D. Domhnullach a Great Bend, Pennsylvania, sa bhaile Dior-daoin. Tha dachaidh Mhr. Dhomhnullaich ’sa Cheann Dearg, agus tha e ’n drasda air chuairt ag amharc air a chairdean, an deigh a bhi sna Staitean aireamh bhliadhnichean. Bha bean Iomhair Chaimbail a Orangedale sa bhaile Dior-daoin, agus chuir i h-ainm sios air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA. Is nighean i do’n Urr. Mr. Gunn nach maireann, a bha uine mhor na mhinistear am Broad Cove, agus a bha ainmeil air son cho measail ’sa bha e air a chainnt mhathrail. ’Na latha fein cha robh duine ’n Ceap Breatuinn bu cheairte labhradh Gailig na e, Tha Domhnulll Caimbeal, Eildear, Baddeck Mhor, a sgriobhadh thugainn mar a leanas,—“Tha mi gu mor an comain an t-sar dhuin-uasail sin am Port Hawkesbury, Mr. A. Bain, a tha paigheadh phaipearan naigheachd air mo shon o chionn aireamh bhliadhnaichean. Tha e na dhuine snasail, caoimhneil, air a h-uile doigh, agus ’sann dhasan bu dual sin. Gun duaisicheadh an Ti a’s airde e, agus gum beannaicheadh se e.” Tha fios a St. Pierre ag innse mu sheoladair bochd a fhuair a leithid de dhroch laimhseachadh air bord soitheach iasgaich ’s gun dug e galair a bhais. Cha robh e air cuan riamh roimhe agus ghabh gach aon a bh’ air bord brath air, ’s bha cuid diubh a gabhail air gu bruideil. Beagan uine an deigh do’n t-soitheach tigh’nn gu port dh-eug e. Fhuaireadh ballan dubha air a chorp far an robhas ’ga bhualadh. Chaidh iad-san a bha cionntach a pheanasachadh le ’n cur do’n phriosan, cuid a fhuair coig bliadhna, cuid da bhliadhna, agus cuid eile bliadhna. Cha d’ fhuair iad dad tuilleadh sa choir. Duanag do Mhinistear Chill-an-Ionair. Gu’n faca mi bruadar ’Chuir smuairean gu leoir orm, Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi An leannan ’bha agam An nochd ’dol a phosadh; Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi. ’S tu ’s mills’ o’n dig pog, Is gur faghluimt’ air labhirt thu An Gaidhlig ’s am Beurla, ’S gur reidh ’thig an Laideann leat. Cha n-fhaicear ’ad dheidh leinn Fear d’ eugis ’s a’ chrannaig so; Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi. Bu chaoimhnail leam t’ fhailte, ’S b’e m’ adh a bhi comhl’ riut; Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi, ’Nuair ’chaidh thu orm seachad Bu mhearachd bha mor e; Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi. Nan deanadh tu m’ iarridh Gun rachinn gu d’ bhanis leat, Is dheaninn dhuit maighdean ’Bhiodh dileas is tairisneach; Cha bhiodh air do chulaobh Aon ni ’bhiodh an an fhios dhuit, Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi. Ach thagh thusa cailin Nam meall-shuilean modhar; Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi. Tha ’mala gun ghruaman, ’S i ’s binne guth orain; Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi. ’Si m’ athchuinge bhuan-sa Gach buaidh a bhi maille ruibh; ’Bhi sona le cheile Gun eislean, gun an-Shocir, Crodh bainne ma ’r buaile ’S’ clann uallach mu ’r teallach dhiubh; Bha mi ’n am chadal is dhuisg sud mi. Tha Mr. Iain A. Mac Dhiarmaid an deigh tigh-bidh fhosgladh faisg air Oifig a Phosta, far am faigh neach biadh aig am sam bith de’n latha air pris gle reusanta. Tha tigh-bidh de’n t-seorsa so gle fheumail an aite sam bi daoine falbh sa tighinn bho choig uairean sa mhaduinn gu deich uairean feasgar, agus tha sinn cinnteach gu bheil am fear so ann sna deagh lamhan air son riarachadh a thoirt do na h-uile ’thig an rathad. [TD 82] [Vol. 2. No. 12. p. 2] Litir as an Eilean Sgiathanach. Fhir mo Chridhe,—Gu ma fada beo thu ’s ceo as do thaigh! Is e so mo dhurachd dhut an latha ’chi ’s nach fhaic. Bu choir do na h-uile Gaidheal ann an Ceithir Ranna Ruadha an-Saoghail meas a bhith aca ort, a chionn gur tu a tha ’cur a mach an aon phaipear naigheachd a labhras riutha, o sheachduin gu seachduin, ann an cainnt mhilis, bhlasda nan Gaidheal. O’n a tha mi fhein cho Gaidhealach ri fad monadh seasaidh mi air do thaobh fhad ’s is beo mi. Tha fhios agam gu bheil aireamh mhor de Ghaidheil air feadh gach cearn de Chanada, agus o’n a tha baigh aca gu nadurra ris an t-seann duthaich, cha mhisde leotha iomradh a chluinntinn air cor na muinntir a tha ’nan comhnuidh ann an Gaidhealtachd na h-Alba. O’n a thachair dhomhsa tomhas math de dh’eolas a bhith agam air suidheachadh an t sluaigh air feadh earann mhor de Shiorrachd Rois, de Shiorrachd Ionarnis, agus de Shiorrachd Earraghaidheil, bheir mi oidhirp air beagan a sgriobhadh o am gu am mu thimchioll nan nithean a shaoileas mi a bheir fiosrachadh agus toilinntinn do m’ luchd-duthcha ann an America. Tha aireamh mhor de luchd-daimh agam ann an Canada. Bha da phiuthar-athar agus piuthar-mathar dhomh posda ann an Canada. Tha naire orm aideachadh nach ’eil fhios agam c’aite am bheil an teaghlaichean a nis a gabhail comhnuidh. Cha do sgriobh a h-aon dhiubh riamh do m’ ionnsaidh agus mar sin cha robh fios agam cia mar a chuirinn litir do’n ionnsuidh. Tha mar an ceudna aireamh mhor de chairdean, de luchd-daimh agus de luchd eolais agam ann am Manitoba. Tha mo phiuthar posda ann, agus tha ceathrar no coignear de chloinn bhraithrean m’ athar ann. Ach cha’n ’eil mi ’faotainn sgriob litreach o h-aon seach aon dhiubh. An uair a sguir iad fhein a fhreagairt mo litrichean-sa sguir mise bhith sgriobhadh do ’n ionnsuidh-san. Ach o’n is ann mu Ghaidheil Chanada a bha mi labhairt, faodaidh mi radh gur ann an Cnoc-na-monadh am Beinn-a-bhaoghla a rugadh mi. Is e Tormad og mac Iain ’ic Aonghais, a theireadh iad ri m’ athair. O chionn corr is leith cheud bliadhna chaidh moran a Beinn-a-bhaoghla agus a da Uibhist gu ruige Ceap Breatunn agus Eilean a’ Phrionnsa. Nam measg so bha Domhull Mac Ca[?]maic, no, mar a theirteadh gu cumanta’ ris, Domhnull Mac Aonghais ’ic Lachlainn, agus a bhean, Mairi piuthar m’ athar. Bha aireamh de theaghlach aca mu ’n d’ fhag iad Beinn-a bhaoghla. Chuala mi uair is uair o chionn iomadh bliadhna gu robh iad gle mhath air an doigh. Tha mi creidsinn gu bheil cuid dhe’n teaghlach beo fhathast. O chionn da fhichead bliadhna dh’ fhalbh Seumas Mac Dhomhuill ’ic Bhannain le ’mhnaoi ’s le ’theaghlach a Beinn-a-bhaoghla gu ruige Canada. Cha’n urrainn mi chuimhneachadh co’ cheart aite do’n deachaidh iad. B’i Fionnghalla piuthar m’ athar a bha posda aig Seumas. Bha sinn a’ cluinntinn uapa an drasta ’s a rithist, agus bha iad a’ toirt cunntais gle fhabharach mu ’n aite anns an robh iad. Ma ’s math mo chuimhne fhuair iad air an aghart gle mhath. Bha piuthar-mathar dhomh (Peigi) posda ann an Eilean a’ Phrionnsa, ri Aonghas Mac-a-Phearsain (Aonghas Mac Neill Bhain.) Bha dithis nighean de theaghlach aca. Cha ’n ’eil fada o’n a chuala mi iomradh orra. Tha mi ’n dochas gu bheil cuid dhe na cairdean air an d’ thug mi iomradh ann am meag na muinntir a tha ’leughadh a’ MHIC-TALLA gu riaghailteach o sheachduin gu seachduin. Bheireadh e mor-thoileachadh dhomh fhein agus a dh’iomadh neach eile araon ann an Gaidealtachd na h-Alba agus ann an America a bhith faicinn litrichean o am gu am anns a’ MHAC TALLA, coltach ris na litrichean a chuir C. C. ugad a Strath-Alba, P. E. I, agus an seann duine coir, Aonghas Mac Ille-Mhaoil, a Gleann-Garaidh, Ont., agus moran eile. Ged is ann an Canada a rugadh ’s a dh’araicheadh Aonghas, cha do chuir e cul ri seana chanain aosda nan Gaidheal riamh, ’s cha chuir. Gu ma buan e. A nis, bu choir do na Gaidheil aig am bheil meas air a’ Ghailig seasamh gualainn ri gualainn mar a dheanadh na Gaidheil o shean, agus am MAC TALLA a chuideachadh le’n cinn, le’m pinn s le’n sporrain. Tha ’n dleasdanas so gu sonraichte mar fhiachan air Gaidheil America. Tha coir aca air cliu fhaotainn, do bhrigh gur ann ’nam measg a chuireadh air a chois an aon phaipear naigheachd Gailig a th’ air an t-saoghal. Shaoileamaid gur ann an Alba fhein a rachadh a’ cheud paipear-naigheachd Gailig a chur air a bhonn. Ach cha ’n ann. Tha car de naire orm gu feum mi aideachadh gur ann a tha cuid mhor de na Gaidheil a th’ ann an Alba, cha’n e mhain caoin-shuarach mu ’n Ghailig, ach eadhon a’ deanamh tair is tarcuis oirre. Cha ’n ’eil de dhuinealas annta na chumas suas aon de na Miosachain Ghailig a dh’fheuch sgoilearan matha agus fior Ghaidheil ri chur a mach. An aon Mhiosachan air am bheil ainm Gailig (Celtic Monthly) ann an Alba, cha’n ’eil e fhathast bliadhna’ dh’ aois. Mur b’e na bheil de Bheurla agus de dhealbhannan Ghaidheal urramach ann, cha seasadh e fada. Cha mhor Gailig a th’ ann idir. Bhiodh moran a bharrachd Gailig ann nan saoileadh am fear-deasachaidh gu’n cordadh sin ris an luchd-leughaidh. Tha BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun, 1, 1893. Adan! oineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGA no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 83] [Vol. 2. No. 12. p. 3] sean fhacal ann a tha ’g radh gur e farmad a ni treabhadh, Faodaidh e bhith gu’n gabh Gaidheil na-Alba farmad ri Gaidheil America, agus gu ’n cuir iad paipear-naigheachd Gailig air a chois dhaibh fhein, Tha aon ni ann a tha ’toirt misnich dhuinn a thaobh na Gailig anns an rioghachd so, agus ’se sin, gu bheil a’ Ghailig a nis air a teagasg ann am moran dhe na sgoilean anns a’ Ghaidhealtachd, agus gu bheil an Crun a’ toirt airgid seachad air son a bhith ’ga teagasg mar a bheirear seachad air son meur sam bith eile de dh’ fhoghlum a th’ air a teagasg anns na Sgoilean. Ach ged a tha gluasad ann am measg nam Fineachan Gaidhealach o chionn aireamh bhliadhnachan, cha ’n ’eil a thuar orra fhathast a bheag a dheanamh a chum a’ Ghailig a chumail suas. Tha dochas againn air a shon sin gu ’n dean iad ni eiginn air a son an uine gun bhith fada. Ged a tha toil agam moran nithean eile innseadh dhut cha bu mhath leam do sharuchadh le litir ro fhada ’chur a d’ fonnsuidh anns a’ cheud dol a mach. “Ma bhios mi beo gus am faigh mi bas,” mar a thuirt am fear roimhe, cluinnidh tu uam gu math tric. Thoir mo bheannachd-sa do gach Gaidheal treun, tapaidh a tha ’seasamh gu duineil air do chul o latha gu latha. Is e lionmhorachd nan lamh a dh’ fhagas an obair eutrom. Ma sheasas do chairdean lionmhor air do chul cha’n eagal nach teid gach cuis leat. Is mi d’ fhior charaid, IAIN MACRUAIRIDH. ’Sniosart, ’san Eilean Sgiathanach, Aug. 23. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Bha teas is tiormachd againn air feadh na rioghachd gu leir a bha anabarrach o mheadhon an earraich gus an do thoisich uisgeachan ri sileadh mu thoiseach a’ mhios mu dheireadh do’n t-samhradh. Cha’n ’eil duine beo aig am bheil cuimhne air earrach is samhradh fhaicinn cho fior bhreagha ’s a bh’ againn air a’ bhliadhna so. Rinn daoine curachd mhath, agus bha iad ullamh dhi moran ni bu traithe na b’ abhaist dhaibh. Tha ’m barr ag amharc gle mhath, agus tha ’chuis coltach gu ’m bi daoine ullamh dhe’n bhuain gu math trath. Ma gheibh iad an t-arbhar fo dhion gu sabhailte, bidh cuid mhath de dheagh shiol air. Tha am buntata air thuar a bhith gle phailt anns gach aite. Tha’n tuirneip neo-chumanta math air feadh na tire gu leir. Ach tha ’m feur gann. Chum teas is tiormachd an t-samhraidh gun fhas e. Ged a bha teas mor ann an Alba bu shuarach e seach an teas a bh’ aca ann an Sasunn. Chuir so call mor air gach neach aig an robh crodh is caoraich ri’n reic. Leis cho gann ’s a bha ’m feur araon an Sasunn agus air taobh an ear na h-Alba cha b’ urrainn na drobhairean Gallda agus na drobhairean Sasunnach tighinn do’n Ghaidhealtachd a cheannach chruid no chaorach. Cha do reiceadh an dara leith de ’n spreidh fhathast. Tha daoine bochda ’nan eiginn a chion airgid a phaigheas am mal, agus na cunntasan troma th’ aig na marsantan nan aghaidh. Thug na h-uisgeachan troma a bh’ againn an drasta ’s a rithist o chionn shia seachduinean fas air an fheur agus air an tuirneip, agus tha na prisean air crodh ’s air caoraich ag eirigh beagan o chionn beagan sheachduinean. Mar dhearbhadh gu bheil a’ phris gu h-olc faodar ainmeachadh gu robh gamhna air an reic air Feill Phort-righ air a’ mhios so, air son punnd Sasunnach am fear! Reic aon duine bochd a bha na eiginn an aon ghamhain a bh’ aige air son coig tasdain deug!! Bha na prisean dluth air a bhith cheart cho iosal ann an da Uibhist ’s am Beinn-a-bhaoghla air Feill an t-samhraidh. Tha dochas againn gu’m bi iad moran ni ’s fhearr air an ath mhios. Bha na prisean faisge air an aon doigh anns na h-Earradh, ann an Leodhas, agus air feadh gach cearn eile dhe’n Ghaidhealtachd. Chaidh iasgach an sgadain gu mor ’nan aghaidh ann an Steornabhagh agus ann am Barraidh am bliadhna. Ach rinneadh iasgach math ann an Gallaobh, ann an Ceann-Phadraig, agus ann an aiteachan eile, deireadh an t-samhraidh agus o thainig am foghar. Tha obraichean gle ghann air a’ Ghalldachd ’s air a’ Ghaidhealtachd o thainig a’ bhliadhna. Air an aobhar sin tha moran de dhaoine luatha laidir anns an duthaich a dheanadh obair gu leor nam biodh obair ann dhaibh. Cha ’n ’eil aca ach feuchainn ri cur suas le cuisean mar is fhearr a dh’ fhaodas iad. An rud nach gach leasachadh feumar cur suas leis. Leigsidh Minard’s Liniment cnatan. Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt le MINARD’S LINIMENT. ROBERT ROS. Two Rivers, N. S. Bha mi air mo leigheas o’n amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. IAIN A. FOREY. Antigonish, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT crupadh fheithean orm-sa. MRS. RACHEL SAUNDERS. Dalhousie. Thilg Frangach da’m b’ainm Charbonnear e fein fodh na carbadan smuide aig Montreal an la roimhe, agus bha e air a phrannadh gu bas. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. [TD 84] [Vol. 2. No. 12. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE SEPTEMBER 16, 1893. Air an t-seachdain s’a chaidh thug sinn d’ar luchd-leubhidh oraid ghasda mu “na seann sgeulachdan” o pheann an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair. Air an t-seachdain so tha sinn a toirt dhaibh litir as an Eilean Sgiathanach agus naigheachdan Gaidhealach o’n Urr. Iain Mac Ruairidh. Agus air an t-seachdain so ’tighinn gheibh iad o Mhr. Sinclair, “Leasan air leughadh Gadhlig.” “Tha sinn cinnteach gu’n cuir gach aon a tha leubhadh a MHAC-TALLA o sheachdain gu seachdain an luach a’s coir dha air na sgriobhidhean so; tha iad lan airidh air an leubhadh uair no dha. Ann an seann oran air am b’abhist duinn a bhi eolach tha iomradh air a thoirt air bodaich araidh “a bhiodh trath a dol do’n leabidh, ’s fadalach ag eiridh.” Ach bodach sam bith an Sidni tha ’n duil turus a ghabhail air an rathad iaruinn an drasd ’s fheudar dha bhi air atharrachadh sin no cha teid a thurus leis. Tha’n t-each iaruinn a togail air a h-uile maduinn aig coig uairean, nu’n gann a gheibh an coilleach cothrom air gairm, agus cha bhi e air ais gu faisg air deich uairean san oiche. Tha e gle dhoirbh cur suas le leithid so gun a bhi gearain, agus cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged a bhiodh muinntir Shidni us Shidni-a-Tuath an uine ghoirid a cur an gearan air beulaobh luchd-riaghlaidh an rathaid. Thachair do bhill an Fhein Riaghlaidh an ceart ni a bha moran a cur air mhanadh dha; cha bu luaithe fhuair na Morairean greim air na thilg iad a mach e mar ni nach b’ fhiach a bhi cosg uine ris. Cha n’eil teagamh a nis nach cuir Gladstone a chuis fa chomhair an t-sluaigh an uine ghearr, agus an sin faodaidh sul a bhi againn ri cath cruaidh eadar e fein us naimhdean an Fhein Riaghlaidh. Tha aon ni a bhios na neart mor do Ghladstone ann san t-stri, ’se sin gu’n do dheilig na morairean air an doigh cheudna ri reachd eile a chaidh troimh Thigh nan Cumantach gun cha mhor guth a bhi air a thogail na aghaidh. Bha ’n reachd sin a toirt cumhachd do luchd riaghlaidh Lunnuinn air cis a leagail air moran fearainn nach robh roimhe so a paigheadh sgillinn. Bhuineadh moran de’n fhearann so do chuid de na morairean fein, agus thilg iad a mach am bill gu taireil. Bheirear so fa chomhair an t-sluaigh, agus bidh e air a mhineachadh dhaibh gu soilleir, agus chan eil teagamh nach cuidich e gu aire ’n t-sluaigh a thoirt air falbh o Fhein Riaghladh, agus mar sin, nuair a theid iad a thoirt breith, dh’ fhaoidte nach ann air Fein Riaghladh a bheir iad breith idir, ach air na Morairean. Ach gheibhear deireadh gach sgeoil a nasgaidh, agus chan eil ni a’s fearr dhuinne air an taobh so dhe’n Atlantic na feitheamh gus am faic sinn ciod a thachras. Ach ’si bharail choitchionn gun d’ rinn na Morairean gu h-aimideach nuair a chuir iad as do bhill nan Lunnuinneach, oir tha ’n sluagh air fada ro dheonach air e bhi na lagh san rioghachd gum bi cis air fearann ’s air seilbh an duine bheairtich cho math sa bhios air cuid an duine bhochd. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile. Ainmean na feadhnach a phaigh an dolar air son bliadhna de’n MHAC-TALLA. Caiptean R. Mac Coinnich, Flat River, P. E. I. Calum Mac Coinnich, do. An t-Urr. Tearlach Camaran, Durham, Ont. Donnacha Mac Coinnich, Milton, C. B. An t-Urr. Alasdair Grannd, Loch Ainslie. An t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, St. F. X College, Antigonish. An t-Urr. Dr. Domhnullach, do. M. D. Mac Carmaic, Launching, P. E. I. Dr. G. Gillis, Dundas, P. E. I. Calum Mac ’Illeallain, Narrows Creek, P. E. I. Domhnull Mac ’Illeallain, do. M. D. Domhnullach, do. Domhnull Peutan, Cardigan, P. E. I. Calum Mathanach, Vancouver, B. C. I. C. Douglas, do. Donnacha Mac Rath, do. Aonghas Domhnullach, North River Bridge, C. B. I. Mac Cuinn, Round Island, C. B. Ailain Mac ’Ille-bhrath, McPherson P. O., N. S. Murachadh Domhnullach, Ceap Nor, C. B. A. Peutan, Loch Lommond. A. Mac Fhearghais, do. R. A. Mac Asguill, Fourchu. Alasdair Shaw, Hay Cove. Donnacha Mac Fhionnlaidh, Grand River. Murachadh I. Mathanach, do. An t-Urr. D. Drummond, Boulardarie. Mairi A. Dhomhnullach, An Ceann Dearg. Uilleam Ros, Flat River, P. E. I. Bean Neill ’Ic-llle-Mhicheil, Hogomah. D. I. Mathanach, Beinn Hogamah. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 85] [Vol. 2. No. 12. p. 5] SGEUL MU CHOIRE-NA-SITH. Thachair dhomh, (a deir fear eolais o’n d’ fhuair sinn an sgeula,) bhi siubhal, o chionn beagan bhliadhnaichean, troimh Gharbh-chriocha na Gaeltachd, troimh mhonachan fiadhaich, far nach robh aon rathad, ’nuair a thuit domh, air feasgar samhraidh, bhi air mo chuairteachadh ann an ceo dumhail, ’nuair bha mi gabhail athghoirid thairis air guala beinne, cho ard ’s a bha san duthaich. Mar bha agh orm, bha fear cuairtich nan criocha farsuing sin maille rium san am, a thug mi leam gu m’ sheoladh gu bearradh ard, as am faicinn sealladh air a’ ghleann chum an robh mi dol. Fada mun d’ rainig sinn am bearradh so, thuit an ceo co dumhail, ’s gu’m b’amaideach smuaineacha’ dol ni b’fhaide air ar n-aghaidh. Bha Eachunn Ruadh, saighdear a bha maille rium, ’na dhuine tuigseach; bha e fada san arm: chuir e suas an cota-dearg fo’n Cheannard urramach sin Ailean an Earrachd. Bha e maille ris ann an ioma cath cruaidh, agus b’ fhiach e eisdeachd gach sgeul a bh’ aige mu gach sealladh deistinneach a chunnaic e. ’Nuair a thuig e nach robh e tearuinte imeachd ni b’ fhaide air bile nan sgairneach a bha fodhainn, threoruich e mi gu bun na frithe, far an robh ionad dionach ’sam feudamaid fuireach gu maduinn. ’Nuair a bha sinn a’ tearnadh, dh’ fheoraich mi dheth an robh na creagan a bha ’na bheachd fada uainn. “Tha creagan an ni’s leoir far am bheil sinn, agus tha uamh fhasgach goirid o’n aite so,” ars’ esan; “ach ’s coma leam iad; tha e co math dhuinn an seachnadh, ’Se so,” a deir esan, ann an guth iosal, mar gu’m biodh e cagarsaich a’ m’ chluais, “’s e so Coire-na-sith; agus, a dh’innseadh na firinn, b’ fhearr leam a bhi fliuch leis a’ cheo, na fasgadh iarraidh anns na h-aiteachaibh grannda sin.”—“Cha ’n fheud e bith, thubhairt mi ris, “gu bheil thusa, Eachuinn, a creidsinn a leithid sin do amaideachd; gun teagamh cha’n’eil thu ach ri feala-dha.”—Feala-dha ann no as,” deir esan, “is coma leam iad; mar thubhairt an seann duine, Fhad ’sa dh’fhuiricheas an t-olc uainn fuiricheamaid uaithe. Thig air t’aghart, tha sinn dluth do Uamh na h ochanaich; ach beannachd ’nan siubhal, ’s ’nan imeachd, ’si ’n nochd Di thaoine, ’s cha chluinn iad sinn.” Thug mi air seasamh car tamuill, ’s thoisich mi air cur an ceill da faoineachd a leithid sin do smuaintibh. Chual’ e mi gu deireadh, gun stad a chur air mo sheanachas; ach a socrachadh a bhreacain thar a ghualainn, ’s a’ toirt sgrogadh a nuas air a bhoineid, ghramaich e ni bu inne am bata bha ’na laimh, agus thug e ceum air aghaidh, ag radh, “Bi bruidhinn an drasta, eisdidh mi riut am maireach; gabhamaid seachad air an am; cha’n aite so gu moran seanachais a labhairt.”—“Dean stad, Eachuinn,” thubhairt mi ris, “tha mi cur romham an oidhche chur seachad ann an Uamh na h-ochanaich,—fuirich leam, ’s na fag mi. Ach ma tha eagal ort”—“Eagal!” ars’ Eachunn, ’s e tionndadh air a shail; “bi air t’ earalas, a dhuine choir, agus tagh do chainnt, ge nach tig dhomhs’ a radh, ’s tu fein a’ cheud fhear a chuir eagal as mo leth.”—“Tha mi g iarraidh maitheanais,” thubhairt mi ris; “thig leam do’n uamh, agus feuchaidh sinn ciod a th’ agad ann an luib do bhreacain, ’s ni sinn reite.”—“Theid mi leat,” ars’ an saighdear coir, “agus fuirichidh mi leat, ged a bhiodh e lan do na Frangaich, gun teachd air na creutairibh leibideach, faoin sin, nach ’eil, ’s math a dh’ fheuidte ann idir, ged tha leithid do sheanachas mu’n timchioll.” Bha sinn a nis aig beul na h-uamha, agus sheas Eachunn Ruadh. “Sin i agad a nis,” a deir e; “’s urram na h-uaisle do’n choigreach, gabh air t’ aghart.” Chaidh sinn a stigh fo dhion, agus shuidh sinn air a’ cheud chloich chothromaich a fhuair sinn. Cha robh mo chompanach ro dheonach air moran cainnte: bha e sgioblachadh a bhreacain, ’nuair a ghrad-thog e ’cheann mar gu’m buaileadh peileir e. “Ciod e so?” a deir e, ’s e farcluais: “mur creid thu mise, creid do chluasan.” Thainig a nuas oirm sa’ cheart am sin ceol tiamhaidh, binn, nach d’ fhiosraich mi eisdeachd r’a leithid riamh roimhe; agus bha dearbh fhios agam nach b’ ann o aon inneal ciuil a b’ aithne dhomh a thainig e. Cha’n fheudadh so gun mhor ioghnadh a chur oirnn: bha ’n oidhche dorcha; bha ’n t-aite udlaidh uaigneach; bha sinn fada o thigheadas dhaoine, a measg garbhlach chreag, ann an coire fiadhaich. Eagal cha robh orm, oir bha mi lan-chinnteach gu’m bu cheol saoghalt’ a bh’ ann, agus chuir mi romham, nam b’ urrainn domh, fhaotainn a mach cia as a thainig e. “An teid thu suas leam, Eachuinn?” “Theid,” ars’ esan, is e cur seachad na bha e toirt as a bhreacan: “’s minic a thachair e mar so fein, eadar am bile san deoch. Shaoilinn gu’m biodh e co math fuireach gu maduinn; ach coma co dhiubh, gabh air t’ aghaidh, leanaidh mis’ thu; ach cuimhnich am fear a theid san dris, gun iomair e teachd as mar a dh’ fheudas e.” Ghabh sinn suas,—am feadh a bha an ceol a’ sior fhas ni b’ airde: fa dheireadh, thainig leus soluis oirnn: sheas Eachunn beagan air deireadh, ’s nuair a chaidh mi timchioll stuchd craige, chunnaic mi sealladh nach teid gu luath as m’aire. Dh’fhan mo chompanach far an robh e, theagamh a’ smuaineachadh gu’m faca mi tuillidh ’sa bu mhiann leam. Bha lasan chridheil theine aig ceann shuas na h-uamha o ghiuthas seachdta a bha pailt mu’n aite; agus ’na shuidhe aig an teine bha leth sheann duine laidir colgarra, currachd ard molach air a cheann, anns an robh dos do ite an fhirein, agus a chom uile air a chomhdachadh le bein fhiadh agus earb. Bha lan shealladh agams’ air-san, ge nach b’urradh dha-san mis’ fhaicinn. Bha e cluiche gu surdail air da thruimb mhor Abrach, a bha air an deanamh ’san am sin gu h-ealanta dluth do sheana chaisteal dubh Inearlochaidh. An crochadh ris gach meur d’a lamhaibh, bha clag beag airgid a rinn fuaim anabarrach binn, agus o’n do tharmaich a’ cho’-sheirm a chuir ormsa na h-urrad iongantais, agus nam feuidte radh, a chuir mo chompanach fo eagal co mor. “Thig air t’ aghart,” thubhairt mi gu samhach ri Eachunn. “Am bheil iad an sin?” thubhairt e. “Am bheil iad a’ dannsadh san t-solus, no ri fleadhachas cuirme?” Dhluthaich e gu sgathach ri m’ thaobh, agus air dha a’ cheud phlathadh fhaicinn do’n fhear-chiuil, thug e sitheadh seachad orm, a’ glaodhaich a mach le aighear nach b’urrainn da cheannsachadh, “Iain mhoir nan creag, an tusa tha ’n so? Mo bheannachd air do cheann molach, ’s mi tha toilichte t’ fhaicinn!” Dh’eirich Iain bochd, ’s chuir e failte oirnn, a’ tilgeil tuillidh mhaidean air an teine. Shuidh sinn mu’n cuairt air a’ chagailt; agus dh’aidich Eachunn coir, oir cealg cha robh ’na chom, nach b’urrainn da gu brath a bhi co taingeil ’sa bhuineadh dha, airson nach d’ fhuair e cead tilleadh, mar bha run air nuair a chual’ e’n ceol. “Is ioma sgeul,” thubhairt e, “a chuala mi riamh mu Choire-na-sithe; ’s nam bithinn a nochd air tilleadh gun so fhaicinn, bha mo sgeula fein chum an dearbhadh. Cha tugadh am ministeir fein orm a chreidsinn nach robh na daoine-beaga ann an Uamh na h-ochanaich.” Dh’ fheoraich mi dheth, an robh da rireadh eagal air? “Eagal!” deir esan, ’s e suathadh air falbh an fhallais fhuar a bha fathast air a ghnuis; “air naile bha, ’s gu leoir dheth, barrachd ’sa bha riamh orm a’ dol sios do’n bhlar le Ailein an Earrachd: ach ma bha, cha bhi tuillidh mu’n ghnothach cheudna.” Tha so a’ leigeil ris duinn cia co faoin an ni o’n eirich seanachas duthcha mu ni bha iad gnathaicht’ a chreidsinn; agus nan rannsuicheadh daoine gu mionaideach mu ’thimchioll, thuigeadh iad gur e bh’ ann, an aite a bhi na chuis-eagail, culaidh-abhacuis agus fearas-chuideachd. —Air a toirt a Leabhar nan Cnoc. Bidh coig muillein deug buiseal crithneach ri sheachnadh am Manitoba air bhlsadhna so. Chan fhaod a bhith gu’m bi ’n t-acras oirnn. POSADH. Sept. 5mh, leis an Urr. D. Drummond; Muracha Mac Dhiarmaid; Millville, ri Anna Nic Amhlaidh, Choille Mhor, Boulardarie. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. [TD 86] [Vol. 2. No. 12. p. 6] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D. Gu tric ’si n-acair t-aon dhocas slainte: Cha de dhiobair i riamh nuair a ghreimich i air a charraig. Tha ’n compaisd, mar a ta fios agad, ’n comhnaidh comharrachadh ri aon earrann de’n speur. Foillsichidh a Ghloine fhad sheallaidh so dhuit brigh nan nithe ri’m bheil dochas, dearbh-chinnte nan nithe nach faicear. Tha iomadh nithe eile chum do chuideachadh an Soitheach a sheoladh—mar a ta Leabhar-lathail “Sgeul a Mhoir Aoebhneis” air a ceud Thurus—cart iuil a nochdadh a’n cursa ceart. Leabhar-teigisg ris an abrar Leabhar na Beatha, agus iomadh eile. Tuille fos gheibh thu pailteas stor airson an Turuis; bithidh aran air a thoirt ’s bithidh ar n’ uisge cinnteach; agus ma tharlas gu’m tig euslainte a choir an t’ Soithich, cha ’n eil agad ach gairm air Doctair Saor Ghras tha air a luaidh mar an Leigh mor. Be Cridhe Subhach Mac Aoibhneach a sheol o chionn fada ann a “Sgeul a Mhor Aoibhneis;” ach air dha bhi deigheal air ceol a’s dannsa dh-fhan e air deireadh air Athair gus an d’rinn guth an Aingil clisgeadh chuir air. Thainig Timoteus bho Og-Chrabhadh,—baile bha ceudan mile bho Babilon; air dha bhi air arach gu caomhall le shean-mhaithir a chomhairlich e le a h osna dheireanach e dhol air bord “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Nuair bha iad uile cruinn air a chlar-uachdair bha Criosduidh fo mhor ioghnadh gu ’n ghabh iad ris mar an Sgiobair. Thionndaidh e rithist ri Tuigse agus thubhairt e ris, “Cia mar tha so, agus gu ’n annam ach fear-tire agus nach aithne dhomh aon ropa o rop eile?” Fhreagradh e: “Ma tha aon agaibh a dh’uireasbhuidh gliocais, iarradh e o Dhia a bheir do gach neach gu pailt.” Do bhrigh gu’n sheas Criosduidh fo ioghnadh, ghairm Eudmhor le glaodh ard, “Tri iolaich air son Caiptein Criosduidh!” Thog na h-uile air bord an guthan; agus ghlaodh iad le ard-iolach agus chuala Criosduidh guth o Neamh coltach ri guth Imanuel, ag radh, “Na biodh eagal ort oir a ta mise maille riut.” Thuirling Spiorad an Tighearn air, Spiorad a ghliocais agus na h-inntinn fhallain. Tra bha na Maraichean mar so deanamh gairdeachas, chualas glaodh o’n traigh. Dh-amhairc Criosduidh agus Chunnaic e Dearsadh a crathadh a lamhan. Dh-fheoraich e dheth Tuigse. “A’n cuir sinn a’n “Gealladh” air a toir, agus chaidh a fhreagradh, “Esan a thig air sheol eile, is gaduiche agus fear-reubainn esan.” Air dha Dearsadh toirt fainear gu robh beagan moille, ghabh e cuisean na lamhan fein; leum e do’n fhairge agus shnamh e dh-ionnsuidh an t’ soithich. Air dha na Maraichean bhi trocair each, chuidich iad e steach, thug iad iosad aodaich dha. Mar so dh-inntrinn Dearsadh steach do “Sgeul a Mhor Aoibhneis,” ach cha b’ ann anns a “Ghealladh.” (Re leantuiun.) Leighsidh Minard’s Liniment Crosdachd. Tha Miss Agus Royce, Toronto, Ont., a rgriobhadh,—Bha mise dona le cion-cnamhaidh da bhliadhna dheug, agus bha mi air nairean r fulang pion mor. Ghabh mi K. D. C., agus rinn e bauachd feum dhomh air na rinn a h uile leigheas a dh-fheuch mi riamh. Tha mi nise nas fearr na bha mi o chionn bhliadhnachan. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aire sam bith, us tha na prisean gle iosal. Leighsidh Minard’s Liniment amhach ghoirt Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh K. D. C an leigheas a’s fhearr a th’ann. Tha na dotairean a’s fearr ’ga mholadh. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c us 50c am botuil. A. J. PEUTAN, FEAR-DHLCAIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 87] [Vol. 2. No. 12. p. 7] An deigh Moran Laithean. An deigh do Ruairidh a bhi deich bliadhna air falbh o’n bhaile bheag ’san d’ fhuair e arach, smaoinich e gu’n rachadh e dh-fhaicinn cia mar a bha cuisean a dol dhaibh-san a bha na dheigh. ’S gann gun d’ aithich e ’n tigh a b’abhaist a bhi aig athair nuair a ranig e; bha e air a dhath dearg agus bha ’n da chraobh leamhain a bha faisg air an dorus air an toirt air falbh. Dh-amhairc e air na h-uinneagan, ach na h-aghaidhean a chunnaic e ’g amharc a mach air, b’ aghaidhean choigreach iad. Dh-fhalbh e an sin agus thaghail e air a sheann luch-eolais o’ir bha, fadachd air gus an cuireadh e failte, orra agus gus am faiceadh e de’n fhailte chuireadh iad-san air-san. Cha d’aithnich am ministear e idir an toiseach. Ach an sin thubhairte. “An tu th’ann a Ruairidh? A dhuine, nach ann ort a thanig an t-atharrachadh! ’S fheudnar gun do chinn gu math leat. Saoilidh mi gu bheil thu deich bliadhna nas oige na bha thu falbh.” Chaidh e stigh do bhuth a cheanniche, agus ’s e thuirt esan ris, ’s e ceangal suas punnd siucair, “’S gann a dh-aithnicheas mi thu idir. Chan urrinn nach d’ fhuair thu moran tinneis o’n dh-fhag thu ’n tigh. Theirinn-se gu bheil thu fichead bliadhna nas sine na bha thu ’n uair sin.” Chunnaic e Domhnull Mac Sheumais, air an t-sraid, agus ghlaodh e ris, “’S mise Ruairidh Donn a bha fad bliadhna na sgalaig agaibh. Sheall Domhnull gu geur air agus fhreagair e, “Ma’s tu, ’bhallaich ’s ann ort a thanig an t-atharrachadh. Tha thu co-dhiu, leth-cheud punnd na’s truime na bha thu nuair a bha thu agam-sa.” Thaghail e aig an fhear-lagha, agus an deigh do’n duin’ fhoghluimte sin na speuclairean a chur uime chrath e ’cheann air a shocair fhein agus thuirt e, “S tu th’ ann a Ruairidh, ’s tu th’ ann gun teagamh. Ach nach iongatach leam cho caol, cruaidh, biorach, sa dh-fhas thu. Cha mhor gu bheil greim air do chnamhan.” Chunnaic e, ’n ceangal ri craoibh air taobh na sraide, an seann each ban a bha aig athair o’n bu chuimhne leis, an t-each de’n d’rinn e peata nuair a bha e og, ’sa bha cho measail air ’[?] gun toisicheadh e ri sitrich ris ge be aite ’m faiceadh se e. Chaidh Ruairidh null far an robh a sheann charaid, ach ’sann a sheas an t-each ban air ais agus laom e a chluasan ris mar a dheanadh e ri coigreach. Thionndaidh Ruairidh bochd air falbh, ’s gach ni a bh’ann a cur duilichinn agus mulad air, ach ann am priobadh na sula bha duine beag liath ri thaobh a rug air laimh air ’sa chrath i gu cridheil. “A Ruairidh ’ille,” ars esan, “do bheatha ’n duthich. ’S tu tha coltach riut fein. Dh-aithnichean thu an ceann-a-deas America ged nach fhaicinn riamh ach aon sealladh dhiot. Agus a nise, eadar mi fhin ’s tu fein, am bheil cuimhne agad air na h-ochd tasdain deuga a thug mi dhuit beagan mun d’ fhalbh thu. B’fherr leam gu’m b’urrinn dhuit an toirt dhomh. Tha mi gle fheumach orra.” Nuair a chuala Ruairidh so smaoinich e gu robh ’n t-am aige bhi cur aghaidh air a bhaile-mhor. Oran, no Laoidh. LE DOMHNULL I. MAC RATH. Moch ’sa Mhaduinn ’n am dhomh eirigh, Thug mi ceum a mach leam fein, ’Gabhail ioghnaidh ri bhi ’g eisdeachd Ris an t-seisd a bh’ as a bheinn; Creagan Scalpa, ged is cruaidh iad, Tigh’nn a nuas an coinneamh ’n cinn, Air an tilgeadh as an laraich Far ’n do thamh iad iomadh linn. ’S ann a chi mi ’tighinn buidheann Leis gach uidheam tha fo’n ghrein, Fir nach fagadh clach gun tionndadh Chuireadh ni g’am ionnsaidh fein. Ged is corrach ard Beinn Khelly, Theid a levelleadh gu reidh Le neart dynamite us fudair A ni ’smuideadh ris an speur. ’S mor an t-ioghnadh daoine glice Gum bi iad cho tric dol cli Le bhi saoilsinn gur cuis fharmaid ’M fear tha sealbhachadh gach ni. Mas a taisbeanadh a fhuair mi No mas bruadar, so a bhrigh Gu bheil cnuimh annta ’si criomadh, O’n a chiomach gus an righ. Ged bhiodh ionmhasan an t-saoghail Air an taomadh ann an torr. Cha bhiodh cridhe air a lionadh Ach a miannachadh a chorr; Chan iarr nadar do na neamhan, ’S miann leatha na meinnean oir; S d an roghain a rinn Demas Nuair a threig e ’n t-Abstol Pol. ’S ann air diomhanas ’s air faoineis A tha cuid de dhaoine beo, ’G iarridh sonas ann an saoibhreas, ’G iarridh aoibhneas ann an sogh; Ged a chruinnicheadh iad ri cheile Moran feudail agus stoir, B’fhearr dhaibh lan an duirn le suaibhneas Na bhi ’m buaireas leis a chorr. Ach an t-ionmhas ’theid a thasgadh Ann an cuirt nam flaitheas shuas, Sud a chuibhrionn a’s ro fhear ’S nach bi gu brach air a thoirt bhuainn; Ged rachadh na neamhan thairis, Ged theicheadh talamh agus cuan, Cha tig uireasbhuidh na charaibh, Bidh e maireannach bith-bhuan. ’S lionmhor gealladh tha do’n fhirean, Bidh iad cinnteach dha gu leir, Thig am beannachd air mar dhileab Trid na h-iobairt thug Mac Dhe; ’N ti tha dion a shluaigh o’n chorruich An diomhaireachd a bhroillich fein Co an ait an t-sluaigh, ach Esan B urrinn seasamh anns a bheum? Ged chuireadh an saoghal suas e, ’S mor an culaidh-thruais an daoi. Ciod ni inbhe, gloir no urram Do an duine theid a dhith? A pheacaidhean gniomh us dearmaid, Bi’dh mar armailtean ’ga chlaoidh Cumail seisde ri a chogais, ’S leanaidh ’n cogadh sin a chaoidh. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 88] [Vol. 2. No. 12. p. 8] IORRAM. Chunnacas bruadar an raoir, Thu ’bhi sinte ri m’ thaobh; ’S chum sud tamull de’n oidhch’ am chaithris mi. ’S ann aig rudha ’n taigh lair Ghabh mi cead dhiot Di-mairt; Thuit mi ’m mulad ’ach b’ aill leam aidaeachadh. Suil ’gan dug mise bhuam As do dheidh ’s tu ’sa chuan, Lion trom-dhubhachas truagh ’s droch bharail mi. A Mhic Eachinn nan srol Tha ’d sgiobair gle og, Ged tha misneach gu leoir is aithn agad. Nuair a theid thu air stiuir Na leig claonadh ’ad shuil, Eagal aomidh, a ruin ghil, thairis d’i. ’S’n uair a chi thu muir mhor ’Si a tighinn le croic, Feuch gu’n iarr thu g’ a coir le leannanachd. Thig dhuit cota nan eang Air a chumadh gu teann, Fhir nach d’ fhoghluim an sgranig ach ceannaltachd. Sgriob do phoig’ th’air mo bheul S-i a tighinn gu reidh, Tha mi ’n duil nach h-’eil breug nad ghealladh dhomh. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fer-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear ionaid. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. [TD 89] [Vol. 2. No. 13. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 23, 1893. No. 13. Dr. G. T. Mac Gilleain. DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHEACHDAN NA SEACHDAIN. Thuit I. Harry Mac Fhearghais fear-lagha an Toronto, mach air an uinneig an la roimhe, bhuail e air a chabhsair chruaidh gu h-iosal agus bha e air a mharbhadh. Bha Louis Papineau a gabhail an an rathaid an la roimhe eadar Quebec us La Prarie, agus chaidh stad a chuir air le dithis dhaoine, agus thug iad uaithe na bh’ air a shiubhal de dh’airgiod, tri cheud dolair. Ruith na carbadan-guail thairis air fear Iain Domhnullach faisg air Pictou Disathairne s’a chaidh, agus bha e air a mharbhadh. Bu ghobha e a mhuinntir a bhaile, ’s bha e bodhar, lapach, air dha bhi thairis air tri fichead bliadha sa deich a dh’ aois. Bha Aonghas G. Mac Gilleain sealbhadair an Acadia House, air chuairt ghoirid am Baddeck ’sa Hogamah air an t-seachdain so air gnothuichean do na Saor-Chlachairean (Free Masons) comunn ann sa bheil thachd mhor aige, ’s anns a bheil e na ard fhear dreuchd. Bi’dh e air ais an Sidni feasgar an nochd. Bha e na chleachdadh ann a Japan roimhe so, nam biodh boirionnach gun phosadh aig aois araidh, gun taghadh an luchd-riaghlidh duine de na coimhearsnich, agus dh’fheumadh e a posadh a dheoin no dh’aindeoin. Tha ’m Mikado no righ na duthcha an deigh stad a chuir air a chleachdadh sin. Tha feill ri bhi ann on Charlottetown P. E. I., air an t-seachdain s’a tighinn, a toiseachadh Di-mairt ’sa dunadh Di-haoine. Tha reis mhor each ri bhi ann sa bhaile aon de na laithean sin, reis cho math sa bha ’sna mor-roinnean iosal o chionn iomadh bliadhna. Tha aireamh mhath de mhuinntir Cheap Breatuinn an duil a dhul thun na feille. Bha duin’ og, Alasdair Mac Isaic a mhuinntir Judique, air a ghrad mharbhadh le breab a fhuir e o each air Di-mairt an deicheamh latha dhe’n mhios so. Bha e dol mu’n cuairt a ceannach chaorach; stad e aig ait araidh agus air dha bhi fuasgladh an eich as a charbad thug e breab dha sa bhroinn cho dona ’s gun d’eug e an ceann da latha. Naigheachdan a Framboise. Tha ’n t-side stoirmeil a th’againn chionn mios gle mhi-fhabhorrach do dh’iasgairean a chladaich so. Cha’neil teagamh na faigheadh iad a mach na bu trice nach faigheadh iad iasg gu leoir an drasda. Thainig Uilleam Mac Leod dhachaidh thugainn a Boston bho chionn ghriod le bean og a mhuntir Mhabou ri ghuaillinn. Tha sinn uile tolichte am faicinn le cheile agus ma bheir sinn breth a reir coltas bho’n taobh a muigh, rinn e deagh roghainn. Tha sinn a creidsinn gu bheil na Staitean a deanamh feum do iomadh duine a mhuinntir an aite so, ach is trice chi sinn e tachairt a nuair a thig curam agus dragh orra an sud gur th’ ann air Ceap Breatuinn a bheir iad an aghaidh, agus uime sin se’n co-dhunadh gus an tig sinn nach eil Ceap Breatuinn cho dona an deigh a h-uile rud. Bha moran as an aite so air an t-sacramaid a bh’aig Marion Bridge air an t-seachduinn sa chaidh ach tha iad ag radh gur a beag na bha ann a so an coimeas ri na bh’ann a aiteachan eile. Tha sinn a cluinntinn gu bheil mor shluagh a tional an sud aig an am ud, gach bliadhna, moran a bharrachd air na bhitheas a tional do dh’aon ait eile mun cuairtt, agus tha sinn a tuigsinn gu bheil e na chreideas agus na aobhar molaidh an aoidheachd ’san caoimhneas a tha muinntir an ait ud a nochdadh do choigrich aig a leitheid ud do am agus aig a h-uile am. Chaidh each math le fear Domhnull mac Fhionghain a thoirt air falbh air oiche araidh bho chionn ghoirid. Bha duil aig a shealbhaidair nach robh an t-each ach an ait eiginn sa choimhearsnachd, ach an ceann de latha fhuair e mach gur ann a thugadh air falbh e le duin’ og a chunnac as mu’n cuairt aig an am ud. Lean Domhnull air an ruaig cho fada ri Port Hawkesbury, ach fhuair e mach an sin gu’n deachaidh an slaoitir ni b’fhaide; thug Domhnull an sin a chuis thairis do’n lagh agus cha ’n eil teagamh nach faigh e’n t-each luath na mall. Ach feumaidh sinn aideachadh gu bheil meirlich agus slaoitearan eadhon a measg Ghaidhil Cheap Breatuinn agus gur coir an cronuchadh cho geur ri feadhaina sam bith eile. CEANN LIATH. [TD 90] [Vol. 2. No. 13. p. 2] Litrichean a Lunnuinn. (Chaidh an litir a leanas a sgirobhadh an Lunnuinn air an treas latha de dh-Iulaidh, ’s cha d’ fhuair sinne i gus an 16mh latha de September. Chan eil teagamh nach ann a thug i sgriob gu Sidni an Australia.) Fhir-deasachaidh ionmhuinn,—’Se mo ghaol gach fior Ghaidheal a tha cumail suas a’ chainnt fein, agus cleachduinn nan Gaidheal mar a bha sin air an cumail suas anns na laithean a dh’fhalbh. Air an aobhar sin ceadaichibh dhomh mo mhor-speis dhuibh a chuir an ceill airson an doigh mhisneachail, chridheil anns an do sheas sibh ur cainnt gradhach ionmhainn ann bhur paipeir beag. Tha na Gaidheil uile anns a’ bhaile so gle thoilichte cluinntinn gu’m bheil MAC-TALLA gu bhi air a mheudachadh agus tha mi cinnteach gu’n dean iad an uile dhichioll air a’ chraobh-sgaoileadh air feadh na Gaidhealtachd. Ach tha sinn uile ag iarraidh fios ma’s e ur toil e bhuaibh cia mar a tha dol le ar cainnnt air bhur taobhsa de’n chuis? Tha fios againn gu’m bheil moran Ghaidheil ann an Canada a tha gle chomasach a bhi bruidhinn na Gaidhlig, ach am bheil iad ga h-ionnsachadh do’n cuid cloinn chum ’s gu’m biodh eolas aig an ath ghinealach air an doigh anns am feum sinn bhi g’ar neartachadh fein? Am beil i air a teagasg do na paisdean anns na sgoilibh? Oir s’i a chiad cheart ni agus ise a mhain a dheanadh sinn n’ar braithrean teann daingeann mar a bha ar sinnsearan. Tha mi cluinntinn cuid a radh. “Bha ar sinnsearan a cogaidh ri cheile, clann an aghaidh cloinn.” Tha fios agam air sin ach an measg an aon chlann bha’n cairdeas d’a cheile cho laidir ’s nach eil focal anns a’ Bheurla a dh’ainmicheadh cho mor ’s a bha e ach “clannishness.” A nise tha eachdraidh ar duthcha a cur an ceill duinn gur e eas-aonachd a rinn ar sgapadh o’ cheile gu iomadh tir ag an toiseach agus ni’s mo. Faodaidh sinn an laithean ar sgapadh mata bhi fas nis glice agus feumaidh sinn an gliocas a fhuair sinn a chur an cleachduinn. Is urrainn dhuinn gun teagamh sam bith ar sluagh a thogail suas agus a cheangail lamh ri lamh mar fhine mhor, neartmhor. ’Se ar cainnt ghrinn mhilis a ni so agus ise a mhain. Cha’n urrainn dhuinn fuireach air son cuideachd riaghlaidh no Teachdairean Rioghail. Cha tig ar slainte le sin ach le cuideachadh agus misneachadh r’a cheile mar bhraithrean. Mar so feumaidh gach fior Ghaidheal a dheanamh agus tha mi cinnteach gur e MAC-TALLA am paipear a’s fhearr a th’ againn anns an urrainn dhuinn ar smuaintean a chuir roimh cach-a cheile. Tha mi’n dochas mata gu’n toir na Gaidheil air taobh eile na fairge bho iomadh aite sgeul dhuinn ag innseadh cia mar a tha cuisean Gaidhealach agus gu h-araidh a ’Ghaidhlig a soirbheachadh. Ma chuireas sinn ar guaillean agus cinn gu seasmhach r’a cheile mar is coir do chlann nan Gaidheal gheibh sinn a mach aig ceann beagan uine, an doigh a’s fhearr agus a’s feumaile a’s gu bhi a cumail suas ar seann cainnt. Ann an dochas gu’m biodh rum agaibh airson na litreach bheag so, agus a toirt moran taing dhuibh roimh laimh. Is mi, Bhur caraid dileas IAN S. MACAOIDH. Fhir-dheasachaidh,—Cha’n eil mi fein gle mhath air sgriobhadh na Gaidhlig, ach ged nach eil, cha ’n urrainn mi gun focal a radh ’san doigh a’s fearr a tha ’nam chomas a chuir failte air MAC-TALLA. Tha e gu h-iomlan air a sgriobhadh ann an cainnt nan Gaidheal, ’s tha mor dhochas agam gu’m bi e air a chuideachadh leis gach neach aig am beil daimh ris a Ghaidhlig. Tha iongatas orm nach eil na daoine ’s na sgoilearan mora aig am beil uiread ri radh anns na paipearan Beurla mu dheighinn na Gaidhlig ’s nan Gaidheal, a toirt dhuinn beagan de’m beachdan anns a chainnt do’m beil iad a’ gabhail orra fein a bhi cho dileas. “Miann an airgid freumh gach uile.” Cha mhor gu bheil Gaidheal n’ar measg anns a latha th’ ann an diugh a sgriobhas facal ann an Gaidhlig, no ni oidhirp sam bith air a cumail suas mar a cuir e airgiod ’na phocaid, no mur bi ainm air a chur suas anns na paipearan-naigheachd mar dhuine mora cumhachdach a rinn uiread air son nan Gaidheal ’s nach bu choir gu brach siorruidh sguir ga mholadh. Gach neach a tha dileas do’n Ghaidhlig, Tha e cairdeil agus ceart; Moladh cha chuir dragh gu brach air, Urram no paigheadh cha ghabh. Tha sinn fada ’n comain “Chabair Feidh” ’s nan Gaidheil ghasd’ eile ’tha toirt dhuinn na h-uirid de litrichean matha ’n drasd ’sa rithist, agus tha mi ’n dochas gu’n toisich Gaidheil eile an Lunnuinn air sgriobhadh thugaibh. Ma tha iad cho deonach air sgriobhadh na Gaidhlig sa tha iad air a labhairt aig coinneamhan comunn na Gailig, bheir mise m’ fhacal nach fhada gus a feum MAC-TLLA nan creag bhi toirt freagairt da’n ceol. Cha’n eil fios agam an deach aig MAC-TALLA air a rathad a dheanamh do Ghlascho ’s do na bailtean mora eile ’s am bheil na h uiread de Ghaidhil a comhnuidh. Cha’n fhada gus am bi e suas a bhruthach ma ’s e agus gu’n cuir na fior Ghaidheil thall ’s a bhos air feadh an t-saoghail an casan a dh’aon rathad ’s gu’n teid iad an guaillibh a cheile. Tha mi ’faicinn nach eil sibh air son facal a radh air “politics” ’s nach eil sibh air son neach sam bith a chaineadh. Tha sin gle mhath na aite fhein, ach ma tha sibh air son gum bi am paipear soirbheachail, feumaidh sibh a Ghaidhlig ’s na Gaidheil a dhion o’n mhuinntir a tha air son cuir as daibh; ’s ma ni sibh Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun, 1, 1893. [TD 91] [Vol. 2. No. 13. p. 3] sin, dionaidh iadsan sibhse ’s ur paipear. Cha robh fiamh air Gaidheal math riamh an fhirinn innse, ’s car son nach innseadh MAC-TALLA ’n fhirinn ’s an fhirinn uile, cho math ri paipean sam bith eile. Cha’n eil math bhi crubadh ’s na cuiltean le fiamh romh dhroch dhaoine ’s gu h-araidh a chuid sin a tha gabhail orra bhi nan cairdean dhuinn. Cha’n eil feum bhi sliobadh druim luchd an uilc air eagal gu’m bi iad gruamach ruinn. Cha dean an gruaim-san mor chron air neach sam bith a tha ceart na chainnt ’s na chridhe. Tha mi an dochas gu’m bi comas air a thoirt do da Gaidheil air am beachdan a sgriobhadh sa leughadh na’n cainnt fein mu dheinn gach ni is neach air am beil iad a gabhail speis, agus chi sibhse nach bi fada gus an gabh iad an cothrom. Is mi ur caraide dileas CEANN-TARIBH. Ar n-Aithrichean. Cha’n eil al an latha ’n diugh a creidsinn no a tuigsinn nan deuchainnean troimh ’n deachaidh ar n-aithrichean an am a bhi ’g aiteachadh na tire thuathaich so, anns a bheil an diugh gach goireas air an cuir daoine feum, ged a bha i air atharrachadh sin ri’n latha-san. Tha sinn a toirt na h-eachdraidh a leanas a paipear beag Gailig da’m b’ainm Am Fear-Teagaisg, a bha air a chuir a mach an Ontario sa bhliadhna 1850. Tha sgriobhadair na h-eachdraidh a toirt cunntas air aiteach Aldboro, baile tha air a shuidheachadh air cladach Loch Erie, mu cheud us coig mile deug an ear air Hamilton. “Thainig ann air a bhliadhna 1817 tri teaghlaich a’ [?]arr Ghael; chaidh iad air tir air Quebec. Air an ath bhliadhna bha mu fhichead mach ’n an deigh as an aite cheudna. Bha sluagh a tighinn mar so eadar beag is beag; gus nach ’eil a nis mir mhath fearann ’s a bhaile gun bhi air a thogail. Bha iad mu thri mile deug o’n aiteachas bu dluith dhoibh ’nuair a chaidh iad ann, air an duineadh steach ’s a choille mhor. B’eigin doibh ’dhol deich mile fichead air astar mu’m faigheadh iad biadh r’a cheannach, agus cha b’urrain iad, ’s an tilleadh, a thoir nis fhaide le h-eich no daimh na aite ris an abrar Port Talbot, ach a ghiulan as a sin tuiteadh is dusan mile tre ’n choille air a’ muin. ’S a gheamhradh, bha iad ’ga iomchair ri taobh an loch air an deigh. Chaidh iad leis a cheud chruithneachd a thog iad deich mile fichead air an uisge g’a bhleith. Bhitheadh iad gle thric mios o’n bhaile air a’ ghnothuich sin, soirbheas ’nan aghaidh, agus cunnart is call ’gan comhlachadh. Bha, aon uair, dithis dhaoine air an t slighe dhachaidh, agus plur aca ’s a bhata; chaidh iad air tir ann aite araidh gu’n anail a leigeadh, agus an garadh fein, ann an tigh bha dluth dan loch, ni air an robh mor fheum aca, oir bha iad sgith, fuar, agus fliuch. Cheangal iad am bata ri craobh, no clach, air an traigh. Ach dh’eirich stoirm ’s an oidche, agus ’nuair ’chaidh na daoine a mach air an ath la an deigh an cuid, cha robh bata no luchd air sgeul. Dh’fhagadh iad gun biadh d’an teaghlaichean. Chualas aon ag radh gu bheil a nis baile beag, tighean-stoir, agus long-phort, ’s ana ite aig am b’abhast da ’san bhi ’tarrain a bhata air a chladach, s’ a codail air an traigh, an deigh dha teine a dheanamh le bioranan a thional e, agus a shupeir do mheal taois air a bhruich ’s a ghaineamh theth. Cha robh an sluagh fad ’s an aite mu’n do thoisich tinneas ’n am measg, agus fiabhrus, leis an robh moran air an toirt air falbh; agus ni a dh’fhag a chuis ni bu mhiosa, cha robh lighiche aig laimh air an iarradh iad comhairle. Bha neach ag innse’ dhuine gu robh e aon uair aig adhlacadh, agus gu’m bu chianail bhi faicinn mar bha iad—gu robh coslas a bhais air aghaidh gach aon a bha lathair.” Cha’n eil an so ach sgeul a dh’fhaoidte sgriobhadh mu iomadh aite eile araon an Ontario ’s anns na mor-roinnean iosal. Bha a cheud luchd-aitichidh san duthaich so a fulang moran tinneis sa faighinn moran saruchaidh, ach rinn iad aiteach, thug iad a choille mhor fodh chis, agus tha sinne ’n diugh a mealtuinn toradh an saoithreach. O chionn coig bliadhna fichead thainig seoladair da’m b’ainm Hawbolt gu Thorburn. N. S., agus phos e nighean og aig an robh moran airgid; ach beagan uine ’n deigh sin thog e rithe leis an airgiod ’s dh’-fhag e a bhean. Chaidh ise ’n ceann bliadhna no dha gu ruige Halifax far ’n do thoisich i fhein ’s fear Butler air deanamh suas ri cheile, agus ’nuair nach robh choltas air a cheud fhear gu’n tilleadh e, phos iad. Ach an la roimhe, do’n rud a b’iongataiche leotha na Hawbolt a thighinn dhachidh. Tha e ’n drasda ’cur impidh air a bhean am fear eile leigeil ma chul a ghnothich, agus a gealltuinn ma ni i sin gu’m paigh e air ais a cuid airgid agus nach fag ’s nach treig e i fhad sa bhios e beo. Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt le MINARD’S LINIMENT. ROBERT ROS. Two Rivers, N. S. Bha mi air mo leigheas o’n ’amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. IAIN A. FOREY. Antigonish, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT crupadh fheithean orm-sa. MRS. RACHEL SAUNDERS. Dalhousie. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 92] [Vol. 2. No. 13. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE SEPTEMBER 23, 1893. Am measg nam paipearan a tha tigh’nn d’ar ’n ionnsidh gach seachdain, chan eil aon a’s cairdeile labhras mu MHAC-TALLA na Casket Antigonish. Chuir am paipear sin failte chridheil air ’nuair a thanig e mach an toiseach, agus chan eil cothrom a gheibh e nach toir e facal misnich agus molaidh dha. Tha moran de chairdean aig a MHAC-TALLA an siorramachd Antigonish, agus chuir aireamh mhor dhiubh an ceud eolas air troimh ’n Chasket. “A h-uile latha sona dha, ’s gun latha idir dona dha.” Di-sathairne so tighnn, cha dig Mac-Talla mach idir. Tha ’n deasaiche ’cur roimhe sgriob a thoirt do Eilean boidheach a Phriunnsa, agus chan eil duine aige ghabhas curam a phaipeir fhad ’sa bhios e air falbh. Tha e ’n dochas nach bi an luchd-leubhidh a faotinn coire dha air son sin a dheanamh, ach gu’n gabh iad a leisgeal. Cha robh e seachdain a mach as a bhaile o’n thanig a cheud aireamh de’n Mhac-Talla mach, agus bhiodh e ’na fhaochadh mor dha beagan laithean a chur seachad an ait-eiginn eile. Chual e ’n la roimhe gu robh feill mhor ri bhi ’n Charlottetown, agus air dha cuireadh a bhi aige o chionn fhada dhol a mull a dh’fhaicinn a chairdean, smaoinich e nach robh mi a b’fhearr dha dheanamh na togail air ’s falbh. Ach bi’dh e air ais trath an ath sheachdain agus an deigh sin thig Mac-Talla mach cho riaghilteach sa b’abhist da, agus bi’dh a ghuth ri chluinntinn air feadh nan creag ’s nan cnoc cho laidir ’s cho aighearach sa bha e riamh. Tha “Creag-an-Fhithich” a sgriobhadh thugainn a Sasuinn, agus am measg nithean eile tha e feorach am bheil sgoil sam bith an Canada anns sa bheil a Ghailig air a teagasg. Ma tha, tha e gealltuinn gu’n cuir e [?]aichean Gailig d’an ionnsidh gu bhi air an toirt seachad mar dhuaisean. Chan aithne dhuinn fein gin de sgoilean ann sa bheil i air a teagasg, ach tha fhios againn gu bheileas a deanamh a bheag no mhor de teagasg Gailig ann an cuid de na h-oil-thaighean, mar tha Queen’s College an Toronto, Presbyterian College, am Montreal, agus, ma’s math ar barail, St. Francis Xavier College, an Antigonish. Tha fhios againn mar an ceudna, gu bheil leubhadh Gailig air a theagasg ann sna sgoilean Sabaid an iomadh aite. ’S aithne dhuinn aon aite ann sa bheil, ma dh-fhaoidte, coig teaghlaich fhichead de Ghaidhil, far an leubh a mhor-chuid de’n oigridh an canain mathrail gu math, agus sin tre shaothair aon duine a thegaisg i dhaibh ’sa sgoil Shabaid. Nam biodh duaisean sam bith againn fein ri ’thoirt seachad air son teagasg Gailig, bheireamid a cheud duais do’n duine choir so, ’s ar deagh dhurachd maille rithe. Chan eil teagamh againn nach eil moran eile air feadh Chanada a chaidh gu deagh mor air sgath cainnt an duthcha, gun ghuth idir a thoirt orra-san a tha dol gu cosdas cur a mach, us craobh-sgaoileadh leabhrichean. Ma theid aig aon d’ar luchd-leubhidh air fiosrachadh sam bith a thoirt duinn a thaobh teagasg na Gailig ann an sgoilean, no ’n Oil-thighean, no ’n sgoilean Sabaid, no ’n aite sam bith eile, bi’dh sinn fior thoileach cluinntinn uaithe. A Ghailig an Gleann-a-Garraidh. Tha Aonghas Mac ’Ille-Mhaoil an Laggan, Soirramachd Ghlinn-a-Garraidh a sgriobhadh da’r ’n ionnsidh mar a leanas,—“Ann am fheagairt na ceist a chuir thu mu Ghaidheil Ghleann-a Garraidh, faodaidh mi radh gu bheil seachd co-thionalan deuga de Ghaidheil Phrotstanach ann, agus ann an ceithir dhiubh sin tha Gailig air a searmonachadh. Tha coig no sia de cho-thoinalan de’n eaglais Chatliceach ann, agus is Gaidheil a chuid mhor dhiubh; ach tha aireamh mhath de Fhrangaich air faighinn nam measg o chionn fichead bhiadhna, agus tha beagan Eirionnach ann mar an ceudna. Cho fad ’sa ’s fios dhomhsa cha’n eil Gailig air a searmonachadh leis na sagairt aca, ach tha mi cinnteach gu bheil deagh Ghailig aig an easbuig Dhomhnullach a tha os an ceann. Tha Gailig air a bruidhinn anns na taighean leis an t-seann sluagh mar a’s trice, ach ’s i’ Bheurla a’s fearr le moran de’n t-sluagh og ged a theid aig a chuid mhor dhiubh air Gailig a thuigsinn ’s i labhirt gu math. ’Sa cho dhunadh ceadaich dhomh innse dhuit gu bheil gach aon a tha faighinn Mac Talla anns a’ choimhearsnachd so gle thoilichte leis. Beannachd leat an latha chi ’s nach faic.” C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gun Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. [TD 93] [Vol. 2. No. 13. p. 5] Leasan air Leughadh Gadhlig. A Thearlich bhig, tha mi duilich nach deid agad air Gadhlig a leughadh. Chan fhaod a chuis a bhi mar sin; rach air obair agus ionnsich a leughadh. Bheir mi dhuit aon leasan an diugh, ’s dh’ fhaoidte gun dean sin fhein an gnothuch dhuit. Tha mi dhe ’n bheachd gun dean. Mur a dean innis dhomh agus gheibh thu fear eile. Abir ah ri a, a ri e, e ri i, o ri o, agus oo ri u. Gheibh thu fuain nan litrichean so ann sna facail mathair, te, mi, mor, cu. Ma bheir thu an fhuain Bheurlach do dh-a san fhacal bard ni thu Baird dheth. Ma their thu ee ri e san fhacal te ni thu tea dheth. Mu their thu eye ri i san fhacal mi, ni thu my dheth. ’S ma their thu you ri u san fhacal cu, ni thu cue dheth. Ma leanas tu romhad mar so ni thu Beurla dhe’n Ghadlig uile. Abir k ri c. Mur a h-abir ni thu ’n droch obir air cat. Cha ghabh ni deanamh de na litrichin see, aye, tee, ach sate. Ach ma their thu k, ah, t, gheibh thu cat asda air a cheud tarruinn. Abir h ri sh agus ri th. Sheid a ghaoth. Nach e sin heid a ghaoh? Tha mi sgith. Nach e sin ha mi sgith? Ann an aon fhacal, ’s e sin thu, tha th gun fhuain sam bith. Their thu chan e hu ach u. Rach seachad an fh. Tha ’n da litir so cho marbh ri sgadan saillte ach ann an tri facail. Gu de an fhuain a th’ aca an laimh an fhir? Chan fheil fuaim idir. ’S e tha thu ag radh an laimh an ir. Ann sna tri facail fhathast, fhein, fhuair tha fh a seasamh airson h. Ciamar ’tha sin? tha thu ’g radh. Na bi ’cur moran cheistean air t’ fhear-teagisg, air eagal ’s gun cuir thu ceist air nach urrinn e ’fhreagirt. Chan fheil fuaim sam bith aig s an deigh t. Chan e ruith do’n t sabhal ’s thoir a staigh na h-uighean a b’ abhist dha d’ mhathair a radh riut, ach ruith do’n tabhal ’s thoir a staigh na h-uighein. Abir v ri bh agus ri mh ann an toiseach facil. Chan fheil ann a bha mi ach va mi ’s ann a mhill mi ach vill mi. Gu de a their mi ri bh agus ri mh am meadhon agus an deireadh facil? Coma leat sin an drasd. Ma bheir thu an fhuaim cheart do’n cheud chuid de ’n fhacal ’se ’s docha gun dean thu ’mach a chuid eile. Nach h-fheil cuimhne agad nuair a bhiodhteadh a cur nan ceistean ort? Nam faigheadh tu a cheud da fhacal de’n cheist rachadh tu troimh ’n chuid eile dh’i mar gum biodh muileann-bualidh ann. Abir y ri dh agus gh ann an toiseach facil. Tha cluasan agad cho math ri suilean. Feuch mata gun dean thu feum dhiu. Chan ann le d’ shuilean a dh’ ionnsidh thu bruidhinn, ach le d’ chluasan. Ged nach faic do shuil y ann sna facil dhuisg, ghearr, nach h-fheil do chluasan ag innse dhuit gu bheil i annta. Nach e yuisg, yearr, a their thu? Leugh an cialltadh so, no sentence so, ach na cluinneam am facal sentence tuilleadh:—Dh’ fhalbh Iain sa bhata air a mhuir ghreannich, fhuair, dhoirbh, shalich an de. Bhiodh am facal dh’ fhalbh na chulidh-uamhais do dhuine aig nach biodh an t-eolas a tha ’nis agadsa, ach tha e gle fhurasda dhuit-sa ainm a thoirt dha. Tha fios agad gu bheil dh a seasamh air son y ’s nach h-eil fuaim idir aig fh. Mar sin their thu chan e dh’ fhalbh, ach yalbh, agus gheibh thu ainm an fhacil. Chan urrinn thu a dhol am mearachd ann san fhuainn aig bh an deireadh an fhacail. Ni thu v, a, no u dhe na litrichean so. Mar sin their thu ri dh’fhalbh yalv, yala, no yalu. Ma thuigeas tu am facal chan fheil e gu moran mugbidh gu de an t-ainm a bheir thu dha. Leughinn-sa an ciallradh a thug mi dhuit bho thoiseach gu deireadh mar so,—Yalv Iain sa vata air a vuir yreannich, uair, yoiru, halich an de. Nis, a Thearlich, beachdich gu math air an leasan a thug mi dhuit. Ionnsich air do theanga e, agus rach thairis is thairis air gus an tuig thu e,’s gus an deid agad air a chur an cleachdadh cho math ’s is aithne dhuit an sgian ’s a ghobhlag-bhuird a chur an cleachdadh ’nuair a bhios tu ag itheadh buntata agus isbean reamhar, blasda. Ma ni thu mar ’tha mi ag iarridh ort leughidh tu MAC-TALLA math gu leoir an ceann seachdain. A. MAC G. SINCLAIR. “Nuair bhios Murachadh na thamh bi’dh e ruamhar.” Chan eil tigh na parlamaid cruinn an Ottawa aig an am so, ’s tha ard-chomhairle Cuan Bhering air sgaoileadh, agus uime sin tha Sir Iain Thompson ’sa chompanaich agus Wilfred Laurier ’sa chompanaich fein, nan tamh, ach ma tha, ’s iad-san a tha trang a ruamhar. Tha iad a siubhal, gach buidheann air leth, bho aite gu aite a deanamh oraidean fada, briathrach, ann sa bheil gach pairtidh ag innse do’n t-sluage mu’n olc a rinn a phairtidh eile ’san am a chaidh seachad, mu’n olc a tha iad a deanamh aig an am a tha lathair, agus gu h-araidh mu’n olc a tha iad dol a dheanamh ’san am ri teachd ma bheirear an comas daibh; agus bheir iad iomradh aig a cheart am mu’n mhath a bha, ’sa tha iad fein a deanamh, agus a bhitheas iad a deanamh ma gheibh iad am comas. ’Se ’n comas a tha seoid an da thaoibh ag iarridh, agus si bharil a th’ aig moran air feadh na duthcha, (ge air bith de cho glic sa tha i) nach eil an da phairtidh ach mar bha Domhnull gus Iain air an cualas iomradh ann sna sean-fhacail. Bha Domhnull cho math ri Iain, ’s Iain cho math ri Domhnull. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 94] [Vol. 2. No. 13. p. 6] Catriona Nigh’n Dughill. LE AILAIN AN RIDGE. Catriona nigh’n Dughill Bu ghrinn a chruit chiuil i; ’Nuair ’sheinn i le sunnd Sud na fuinn ’bu mhath gleusadh, Bha m’ inntinn fo ionghnadh Ri linn dhomh bhi ’dusgadh, ’S mi ’cluinntinn a chiuil ud; Bu chiuin is bu reidh e. Thug i solas do m’ chridhe ’Nuair thoisich i rithisd Air cronan do nioghaig Bu chridheil i-fein ris; ’Seinn orain do ’n leanahh, Sud an ceol a bha tairis, ’Bha boidheach ri aithris, ’S mi ’m chaithris gu h-eisdeadh. Air mo thaobh ann san leaba, Eadar dhusgadh is chadal, Thug mi uine mar bh’ agam; Bha mi fada gun eirigh, ’S mi ’g eisdeachd an orain ’Bu ghrinne ’s bu bboidhche; Bu bhinne e na ’n t-eoinein ’Bhiodh air meoirean nan geugan. ’S ann leamsa ’bu bhoidhch’ e Na ’n uiseag air lonan, ’Si ’sior chur ri ceol Ann san og-mhadainn cheitein; Na ceileireadh smeoraich A sheinneadh sna h-oganan; B’fhearr leam gu mor e Ma ceol as na teudan. Cha robh ’phiob ’s i na deannibh, Na ceol fidhle ’th’ air thalamh, Chuirinn fein ris an coimeas, ’S bha mi tamull ga eisdeachd: Guth cinn a bha fallain, Bu bhinn leam do challan, ’S bu ghrinn ’bha mac-talla ’S a bhalla toirt beus d’ i. Bean shiobhalta, choir i, Gun mhiothlachd, gun gho innt’; Gum bu dileas i dhomhsa, ’S tric a chomhn’ i mi ’m eiginn; Bean laghach ’s i fialuidh, Air an tadhail na ciadan; Lamh a dheanamh na biatachd, ’S tric a riarich i feumich. Thug i ’n duthchas bho ’mathair, ’Bhi gu fiughanta, baigheil; Gu ’n d’ ionnsich i trath dh’i Bhi gu nadarra beusach; ’S cha b’ e Dughall ’bu taire, Fear cinin ’s e ro stathail, Gun lub no gun ardan, ’S gun droch nadar fo’n ghrein ann. Ged a tha sinn am Mabu, Gum b’fhearr bhi mar bha sinn, Ann an toiseach mo laithean, Air airidh na spreidhe; Ann an strath Choire-Laire Bha sinn carantach, cardeil, ’S gach duine bho ’n danig sinn Baigheil ri ’cheile. Fhuair i ri phosadh Fear suairc’ de Chlann-Domhnuill, Nach gluaiseadh le gorich’. Duine coir ’s e lan ceille. Lan tuigs’ agus riaghailt, ’S e iochdmhor ro chiallach; Fear glic ’s e gun mhiothlachd, Duine fial ’na thaigh fein e. Tha e nadarra stuama; ’S ann dasan bu dual sin ’Bhi gun ardan, gun bhruaillein, Gun bhuaireadh gun leumraich. E-fein is a bhraithrean, Cha n-e aon ac’ a’s taire; S mis’ a dh’fhaodas a radhinn Gum bu chairdeil rinn fein iad. Bha Ailain an Ridge, no a Mhaim, air oidhche araid ann an taigh Domhnullich am Mabu. Bha bean fear-an-taighe, Catriona nighean Dughill, a gabhail cronain do nighinn bhig a b’ ogha dh’ i agus i a feuchinn ri cur a chadal. Bha Ailain cho toilichte le binneas a gutha ’s gun do thoisich e air an oran na leaba. Bha an te dha ’n do rinneadh an t-oran, Catriona nighean Dhughill Chaimbail, de shliochd a Phiobaire Mhoir a bha sa Cheapich. Bha i na boirionnach gasda, measail. Leighsidh Minard’s Liniment amhach ghoirt Leigsidh Minard’s Liniment cnatan. Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh K. D. C an leigheas a’s fhearr a th’ann. Tha na dotairean a’s fearr ’ga mholadh. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHLCAIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 95] [Vol. 2. No. 13. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Nuair chuala Criosduidh na nithean so ghlaodh e: O doimhne saoibhris araon gliocais agus eolais De! Cia do-rannsachaidh a bhreitheanais, agus do-lorgachaidh a shlighean! Chaidh e air bord maille ri Tuigse, neach a ghairm na seoladairean dh-ionnsuidh an aitean fa leth, dh iarr e orra an acair a thogal ag is siuil a chur ri crann ni a rinn iad; agus air do na h-uile bhi ann a fonn obair, thionndaidh an soitheach mu’n cuairt agus bha i air ball a seoladh roimh gaoth fhabharach. Rinn na Seoldairean gairdeachas chionn iad a bhi seoladh dh-ionnsuidh an t-saoghail nuadh ach chuimhnich iad orra-san a dh-fhag iad as an deigh ann am Babilon. Bha Criosduidh fein ri bron airson a chairdean ag radh O gu’m biodh iad glic; gu’n tuigeadh iad so, gu’n tugadh iad fa near an crioch dheireannach, ma’m bi na nithean sin gu brach air a’m folach o an suilean! Gu luath dh-fag iad Port an Aithreacais fad as an deigh; chaidh stucan Bron Diadhaidh fodha ’sa chuan, agus thionndaidh gach suil gu dochasach dh-ionnsuidh Tir a Gheallaidh ’n tra bha dream eile driopal, cuid leis na suil, cuid fo chlar; sheas Mairi agus Rut taobh ri taobh aig an deireadh, dh-amhairc iad suas gu Neamh agus chual iad oran nan Aingealan a deanamh gairderchas thairis air “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Nuair rainig a Soitheach a’n cuan fosgailt, ghairm Criosduidh na maraichean da ionnsuidh agus thubhairt e: Fanadh gradh brathaireil agaibh; bithibh air bhur faicill o fhearg corruich, gamhlas, mi-charthannachd agus gach uile mi-sheirc: bithibh-sa firinneach gu bas agus gheibh sibh crun na beatha. An sin thug e do gach duine obair, do gach aon fa leth a reir a chomais. Sheol an soitheach le gaoth fhabharach. ’S ann ainimig a dh-fhag criosduidh a’n clar uachdair, ach bha e ri caithris agus urnaidh. Ghabh e sealladh greine gach latha aig meadhon la; agus nuair nach robh grian ri fhaicinn, rannsaich e le mor churam ceud Leabhar cuntais “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Bha Tuigse aig a stiur, agus bha aon de na Maraichean a’n comhnaidh cumail suil ri fuaradh. Ann a seomar na Luinge theagaisg Crionachd—bean Tuigse—bean a’s clann Chriosduidh an to toil an Tighearna. Chuidch Marta le’ Mathair. Theagaisg Rut. Nuar thainig criosduidh a nios chum fois dh-feoraich a chlann iomadh ceisd dheth mu thimchioll an Turus—tuilleadh cheistean na bha na chomas a fhreagairt; air chor ’s gu’n dubhairt e gu tric riutha an ni so tha mi deanamh cha’n aithne dhuibhse a nis, ach bithidh fios agaibh air an deigh so. (Ri leantuiun.) SOP AS GACH SEID. Tha tuathanach coir ann am baile beag an Quebec agus an la roimhe bhaist e an seachdamh paisde fichead. ’Sann dha fein bu choir a dhol a chumail taighe. Ann an tigh-tasgaidh sheann sgriobhidhean am Pekin, ceann-bhaile China, tha air a ghleidheadh gu curamach a cheud fhoclair a bha air a chleachdadh ann an sgoilean na duthcha sin. Bha e air a chlo-bhualadh 1109 bliadhna mu’n d’ rugadh Criosd. Tha sinn a faotinn gach seachdain paipear-naigheachd Frangach da’n ainm L’Evangline, a tha air a chuir a mach aig Weymonth Bridge, N. S. Tha e suas ri sia bliadhna dh’aois, agus tha corr us da mhile de luchd-gabhail aige. Tha e air a chuir na dheagh uidheam ’s chan eil a choltas a nochdadh gu bheil dith no deireas air. Nach bochd nach robh Gaidhil nam mor-roinnean so cho dileas do’n Ghailig ’sa tha na Frangaich d’an cainnt fein. Bha iomad duine glic ann o thoiseach an t-saoghail agus rinn iad moran gliocais a chuir an ceill d’an co-chreutairean, ach cha d’fhuair iad a mach riamh doigh air cuideachadh le duine nach eil a feuchinn ri e fein a chuideachadh. Leighsidh Minard’s Liniment Crosdachd. Tha Miss Agus Royce, Toronto, Ont., a rgriobhadh,—Bha mise dona le cion-cnamhaidh da bhliadhna dheug, agus bha mi air nairean r fulang pion mor. Ghabh mi K. D. C., agus rinn e bauachd feum dhomh air na rinn a h uile leigheas a dh-fheuch mi riamh. Tha mi nise nas fearr na bha mi o chionn bhliadhnachan. Tha moran dhaoine san t-saoghal aig an am so a tha caitheamh a chuid a’s mo de’n uine ’s de’n airgiod a rurach ’s gach cuil air an smuainich iad a sireadh nithean seana air nach eil neach sam bith ach iad fein a cur luach. Bha fear de’n t-seorsa sin o chionn ghoirid a rannsachadh seann tigh ceannachd, agus fhuair e an sin am measg nithean eile craicionn cait air a lionadh ’s air a chuir suas air doigh cho ealanta ’s gur gann a dh-aithnichte nach b’e ’m beothach beo a bh’ann. Bhuineadh e do spiocaire de dhuine a dh’eug ’sa choimhearsnachd bliadhna no dha roimhe sin, agus b’i bharail choitchionn gu’n dug e gradh do’n chat nach dug e riamh do aon d’a cho-chreutairean. Thug am duine so leis e, agus air dha bhi ’ga rannsachadh thug e fa-near gu robh te de na suilean car fuasgailte, agus ’nuair a chaidh e ’ga cur ceart ’sann a thuit i as. Fhuair e an sin gu robh corr us ceud sovereign air a dhinneadh am broinn a chraicinn. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 96] [Vol. 2. No. 13. p. 8] Mo Dhuthaich Fein. (My ain countrie.) ’S tric mi trom, fann, sgith, ’S mi o m’ thir fein air falbh, Feitheamh failte aoibhinn m’ athar A dhol dhachaidh chum mo sheilbh; Mo thoil-inntinn cha bhi buan, Tric le gruaim bidh mi balbh, Gus am faigh mi steach gu Parras Chum na h-aitreabh ’s aille dealbh. Gur a maiseach fluir an reidhlean, ’S gur a cubhra ceutach leam; ’S na h-eoin le ’n ceilear eibhinn, Air bharraibh gheug a seinn; Ach is faoin leam ceol nan eun, Agus gloir us sgiamh an fhuinn, Nuair a chluinneas ni na h-ainglean Na mo Thir a seinn gu binn. Is ro bheag fhathast m’ eolas Air an aitreabh ghloirmhor shuas, Ach gur h-e luchairt m’ athar Is gur h-e mo dhachaidh bhuan; Gum bi sinn ait—nach leor e? A sior mhealtuinn gloir do luaidh, Le gradh ’s le sith na chomunn Ann an tir nan iomadh buaidh. Mu ’mhathair mar bhios ciocharan, ’S mu nead bhios eunan og, Gu uchd m’ Fhir-saoraidh dh’iarrainn ’Se a nise triall mo dheoin, Oir mo leith’d-sa dh’uain gun diu Ni o’n guilain suas gu foil, ’G an tional dluth ri cheile Chum a dhuthcha fein fa-dheoidh. Fhuair mi gealladh fior on righ Gu’n tig la som bi dhornh cuirm; Chum a luchairt rioghail, ghloirmhoir, Ni e ’fhogarach a ghairm, Le ar suil ’s ar cridhe lan, Is le solas ard ar ’n anm, Chi sinn “an Righ na mhorachd,” Anns an Tir is oirdheirc ainm’. Mo pheacannan bha ’n comhnuidh ’Gam fhagail bronach, trom, Cha bha iad an sud na’s mo Gu bhi ’leon mo chridh am chom; Oir rinn fhuil mi geal, is siabaidh, E an deur om’ ghruaidh gu lom, Ann an sith nuair theid mi dhachaidh Gu mo Thir a’s maisich fonn. Gu cinnteach thig e ris Oir is fior an Ti a gheall, ’S c-olionaidh e ’chumhnant riumsa Ged nach aithne dhomhsa ’n t-am, Ach a bhi feitheamh ghna ris Thug E dhomh mar aithne theann, A bhi deas le miann ’s le durachd Gu bhi triall do’n duthaich thall. Mar sin tha mi ri faire ’Sa seinn mu’m dhachaidh ghraidh, A feitheamh ghna ’sa fuireach Ri a chuireadh-san ’s ri ’fhailt Gun tugadh e mar feum dhuinn A chaidreabh fein ’s a ghras, Chum gum bi sinn subhach sunndach Dol an null d’ar duthaich aigh. AONGHAS MAC LAOMUINN. Liontal, E. P. I. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile. Ainmean na feadhnach a phaigh an dolar air son bliadhna de’n MHAC-TALLA. D. A. MacCoinnich, Dartmouth, N. S. Niall MacCoinnich, Cape Geo. Har., C. B. H. R. MacLeoid, Chicago. Tearlach L. Domhunllach, Scottsville, C. B. D. R. Stiubhart, Belle Creek, P. E. I. D. K. Macll eathain, Berwick, Ont. Tormad MacNeill, Marion Bridge, C, B. Eos. Mac ’Ille-Mhoire, Marsh Lake. V. A. Mac Illeallian, Port Hood. Bean Iomhair Chaimbeil, Orangedale. An t-Urr. A. L. Domhnullach, Lakevale, N. S. Caipt. Calun Mac Leoid, Vancouver, B. C. D. L. Mac ’Ilieathain, Mineral Rock, C. B. Bhrist dithis mheirleach a stigh do thigh an Urr. Mr. Haddow an Guelph, Ontario, agus thug iad bhuaithe na fhuair iad de chuid airgid. Thug iad leotha tri dolair dheug a bha ’m poca thriubhsair, ach thuirt iad ris gu’m fagadh iad an t-uaireadair, nach robh leithid a dhith orra. Ach cho carach ’s ga robh iad, bha car no dha gun bhi annta; ann sa cheart phoca ’s an robh ’n t-uaireadair bha da fhichead dolair de dh’airgiod, ’s dh’fhag na mearilich an tigh gun dol na choir. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 97] [Vol. 2. No. 14. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 7, 1893. No. 14. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHEACHDAN NA SEACHDAIN. Air an t-seachdain s’a chaidh thuit ceithir oirlich de shneachda ann an taobh tuath Shasuinn. Bha ’n t-side roimhe sin anabarrach blath. Bha Mr. Douglas, fear-gnothuich na cuideachd a tha deanamh K. D. C., sa bhaile Di-sathairne. Tha e siubhal Cheap Breatuinn air ceann gnothuich do’n chuideachd. Bha ’n t side gle fhliuch deireadh na seachdain s’a chaidh ’s toiseach na seachdain so, agus bha ghaoth a seideadh gu laidir. Ach tha i nise air fas ciuin ’s tha side bhriagha ’s turadh againn aon uair eile. Bha tuiltean mora ann an Japan o choinn ghoirid agus aig aite ris an canar Gifa bha suas ri seachd ceud tigh air a sguabadh air falbh, bha ceithir mile deug tigh air a lionadh le uisge, agus chaidh da cheud ’s da fhichead duine bhathadh. Chaidh deich mile fichead sluaigh fhagail gun dachaidh. Chaidh duin’ og da’m b’ainm Iain A. Domhnullach a mharbhadh ann am meinn an Arizona air an naodhamh latha de’n mhios s’a chaidh. Bha e fein us fear eile dol sios do’n mheinn ’s chaidh rud-eigin cearr, ’s chaill an dithis ac’ am beatha. Bhuineadh an Domhnullach do Mhabou far am beil a pharantan a comhnuidh. Ranig soitheach-smuid Ruiseanach San Francisco an la roimhe le luchd de bhian nan ron, an luchd bu phriseile bha riamh aig aon soitheach. Bha corr us tir mile deug thar fhichead bian roin aice air bord, ’s b’fhiach gach fear dhiubh coig dolair dheug. Bha aice mar an ceudna aireamh mhath de bhein luachmhor eile a thug pris an luchd gu coig ceud mile dollar. Tha duine dubh da’n ainm Edward Wheary, a tha na bhalbhan, ann sa phriosan ann an Fredericton, N. B., air son bean brathar dha a mhort. Bha an teaghlach uile air falbh ach Edward us bean a bhrathar agus a triuir chloinne. Nuair a thanig iad dhachidh, fhuair iad corp na mna air an urlar ’s an ceann cha mhor air a ghearradh on choluinn. Chaidh soitheach smuid ur a thogail an Dumbarton an Alba air a bhliadhna so, agus tha a sealbhadairean a deanamh a mach gur i soitheach luchd a’s mo a tha ’n diugh air an t saoghal. Giulainidh i luchd anns am bi seachd mile tunna de chudthrom, agus bheir i leatha aig a cheart am coig ceud deug de luchd-turuis. Tha i gu bhi ruith eadar Liverpool us Philadelphia agus ni i ’n t-astar sin ri ochd latha. Dh’fhag an soitheach smuid Carlo R. Genoa ’san Eadailt, air turus gu Brazil an ceann a deas America, air a choigeamh latha deug de Iulaidh ach an latha roimhe b’fheudar dhi tilleadh dhachaidh. ’Nuair a ranig i Brazil bha aireamh de na bha air bord tinn leis a cholera, agus chan fhaodadh i dhol gu tir. Eadar i dh’fhacail na h-Eadailt us tilleadh air ais dh’eug ceud us ceithir deug air bord, ’s bha seachd duine deug tinn nuair a ranig i Sardania. Tha aireamh mhor de na meinnean guail an Sasuinn nan tamh, chionn dha no tri mhiosan, na gualadairean a diultadh oibreachadh gus an teid an tuarasdal a mheudachadh. Tha roinn mhor dhiubh an nis an imis a dhol bas leis an acras, an t-airgiod bh’ aca ma seach nuair a sguir iad a dh’ obair air teirgsinn. Tha moran diubh ag ithe ’m beagan bidh a th’ aca amh oir chan urrinn daibh gual a cheannach gus teine dheanamh bhruicheas e dhaibh Tha e air a mheas gu bheil fichead mile de mhnathan ’s de chloinn anns an t-suidheachadh thruagh sin. Bha fheill bhliadhnall Eilean Phrionns’ Iomhair air a cumail ann an Charlottetown air an t-seachdain sa chaidh, a toiseachadh Di-mairt sa criochnachadh Di-haoine. Bha i air gach doigh gle chreideasach araon do’n eilean ’s do’n luchd-riaghlidh ged a tha sinn a tuigsinn nach robh i uile gu leir suas ris mar am bha i bliadhnichean roimhe. Cha d’ fhuaireadh air adhart leis na reisean cho math sa bha duil; Tharruing a cheud reis moran uine a thaobh na h-eich a bhi cho faisg air a cheile ann an luaths, agus thanig an t-uisge mu’n d’ fhuaras cach a chur. Bha ’n t-side gle fhabharrach gu feasgar Dior-daoin, ach leis an uisge thighinn an uair sin, chaidh gach ni air ais gu mor seach mar bhitheadh e nan robh ’n turadh air leantuinn. [TD 98] [Vol. 2. No. 14. p. 2] TEAGHLACH CHOLA. B’e Lachinn Mac Eachinn Ruaidh an Seathamh Mac-Gilleain a bha air Cola. Thogadh e ann an laithibh oige ann an teaghlach Mhic-an-Toisich. Bha e na dhuine glic curamach. Bha Cola, Cuimhnis, Rum, Achalianain, agus na Drimnin aige. Fhuair e coir air Eilain nan Muc bho Easbuig nan Eilainean. Phos e Fionnaghul, nighean Thormaid Mhic-Leoid, Dhunbheagain. Bha coignear chloinne aige, Iain Garbh, Eachann, Niall, Catriona, agus Seonaid. Fhuair Eachann Eilain nam Muc bho ’athir. Bha Niall a comhnuidh ann an Druimnacroise. Phos Iain Garbh, seachdamh Leathanach Chola, Fionnaghal, nighean do Shir Dughull Caimbal, tighearna Achadh-nam breac. Bha triuir mhac aige, Eachann Ruadh, Iain Thota-Raonuill, agus Eoghan a chaidh a mharbhadh an Ionarcheitein ’sa bhliadhna 1651. Phos Eachann Ruadh, Mor nighean Eachinn Thorloisgte. Bha da mhac aige, Lachinn agus Domhnull. Chaochail e roimh ’athir. B’e Lachinn Mac Eachinn Ruaidh an t-ochdamh Leathanach a bha air Cola. Phos e Mor, nighean do dh-Iain Muideartach, chaidh a bhathadh ’sa bhliadhna 1687. Dh’fhag e aon mhac, Iain Garbh. Chaidh Iain Garbh, naoidheamh Leathanach Chola, a mharbhadh le tuiteamas ann an Duneideann. Cha robh e ach ochd bliadhna deug de dh-aois. Thanig Domhnull, brathair athar, a staigh air Cola na aite. Phos Domhnull Chola, an toiseach Iseabal, nighean do Shir Ruari Mac-Leod, Fear Thalasgair. Bha aon mhac aige rithe, Eachann. Phos e a rithisd, Mor, nighean de Shir Tormaid Mac-Leoid, Fear Bhearnara. Bha ceathrar chloinne aige rithe, Lachinn, Iain, Eoghan, Niall, agus Catriona. Chaochail e sa bhliadhna 1729. Dh’eug Iain agus Niall nan daoine oga. B’e Eachann Mac Dhomhnull an t-aona Mac Gilleain deug a bha air Cola. Bha e na dhuine tuigseach, measail. Phos e nighean Alasdir Chaimbail, tighearna Loch-nan-eala. Bha coignear nighean aige. Chaochail e sa bhliadhna 1756. Ged a bha ’chridhe leis na Stiubhartich, chum a ghliocas e gun eirigh le Prionns’ Tearlach. ’S ann aige a bha an clarsair mu dheireadh an Earraghaidheal, Murchadh Domhnullach, no, mar bu trice a theirteadh ris, Murchadh Clarsair. Dh’ionnsich Murchadh aig Ruari Dall ’san Eilain Sgitheanach. Chaochail e an Cuimbuis am Muile. Bha mac aige do’n b’ainm Iain, ach faodidh e a bhith nach h-eil gin de shliochd beo an duigh. B’ e Lachinn, darna mac Dhomhnuill, an darna Leathanach deug a bha na uachdaran air Cola. Bha e posda, ach cho robh gin chloinne aige. B’e Eoghan, ceathramh mac Dhomhnuill, an treas Leathanach deug aig an robh seilbh air Cola. Phos e Seonaid, nighean Dhomhnuill Mhic-Leod, Fear Thalasgair. Bha ochdnar chloinne aige, Domhnall, Alasdir, Eachann, Tormaid, Ruari, Ailain, Eoghan, agus Mor. Chaidh Domhnull a bhathadh aig Ulbha sa bhliadhna 1774. Rugadh Eachann sa bhliadhna 1755. Bha e na ard-sheanailair ann san arm. Chaochail e sa bhliadhna 1849. Ged a bha e na ridire ’sna ard-sheanailair is moran airgid aige, ’s ged a bha e ceathar fichead bliadhna ’sa deich de dh-aois, cha robh e riamh cho glic ’s gun do phos e. Bha Tormoid, Ruari, Ailain is Eoghan ’san arm cho math ri Eachann. Cha do phos Tormaid no Eoghan. Bha Ruari posda, ’s bha aon nighean aige, Mor. Bha Ailain posda, ach cho robh gin chloinne aige. B’e Alasdir, Alasdir Ruadh, an ceathramh Leathanach deug, a bha na thighearna air Cola. Dh’ ionnsich e an lagh. Bha duine araid a thanig am mach do dh-America a Cola no Rum ga mholadh airson cho math ’sa roinneadh e ceartas eadar luchd-comhsachidh. An robh e cho math ri Maoise? arsa fear a bha ’g eisdeachd ris. Cho math ri Maoise! fhreagir e; cha n-fhaca Maoise latha riamh a sgoilteadh e ’n lagh na b’fhearr na Tighearna Chola aginn fhin. Phos Alasdir Ruadh bana-Chamaranach. Bha aon mhac aige, E ghan, agus sianar nighean. Chaochail e sa bhliadhna 1835. ’S ann air a shon a fhuair mise m’ ainm. Alasdir Mac-Gilleain. “Gur a mor an luchd-leanmhuinn A bh’ aig Alasdir ainmeil so ’dh-eug, Tighearna Chola agus Chuimhnis; ’S e do bhas ’chuir am chuimhne mo sgeul, Bha thu smachdail mar shaighdear, Bha thu macanta, caoimheil am beus. Cridhe soilleir gun fhoill thu Da ’n robh ceartas a boillsgeadh mar ghrein.” B’ e Eoghan Mac Alasdir an coigeamh fear deug de shliochd Iain Ghairbh aig an robh coir air Cola. Rugadh e sa bhliadhna 1782. Bha e na Choirneal ann san arm. Thog e caisteal eireachdail, caisteal Dhruim-fionn, faisg air Tobar-Mhoire. Chaidh e gu domhain am an ainbheach. B’ e deireadh na cuise gun d’ fheum e an oighreachd a reic, ni a rinneadh sa bhliadhna 1836. B’ e Eoghan an Leathanach mu dheireadh a bha air Cola. Chaochail e sa bhliadhna 1861. Bha e posda da uair. Dh’fhag e ceathrar ghillean, Alasdir, Iain, Uilleam, agus Eoghan, agus coignear nighean, Mairearad, Catriona, Ealasaid, Iseabal, agus Sine. Chaochail Alasdir an Africa sa bhliadhna 1875. Bha Iain na ard-sheanailair ’sa arm. Chaochail e sa bhliadhna 1882. Bha e posda, agus bha triuir nighean aige. Chaochail Uilleam ’sna h-Innsean ’sa bhliadhna 1867. Bha Eoghan na chaiptin san arm. Chaochail e sa bhliadhna 1870. Cha d’ fhag gin de na gillean mac na dheidh. A. MAC G. SINCLAIR. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. [TD 99] [Vol. 2. No. 14. p. 3] FIRST LESSON IN READING GAELIC. Call A ath, just like the word ath, a kill. Call I like the word i, she, or like the E in English. Call Ea like e in the word bet, as in fear, a man. The long souud of ea does not exist in English, but you can find it by lengthening the sound of e in bet. You have it in the Gaelic words cearr, wrong, fearr, better, and gearr, cut. If you listen to a lamb bleating, you will find that he knows it very well. Call Eu like A in English, as in feum, need, ceum, a step. Call O by its name in English. Call U uth, like the word uth, udder. Call C k, as in cir, a comb. Don’t call it see. It is never sounded in Gaelic like S. Call ph F, as in phos e, fos e, he married. Fh is silent, as in bean an fhir ud, bean an ir ud, that man’s wife. There are three exceptions to this rule; fh is sounded like h in fhathast, fhein or fhin, fhuair. Call sh and th H, as in sheid e, heid e, it blew; tha e, ha e, he is. There is one exception to this rule; th is silent in thu, thou. You don’t say ha hu, thou art, but ha u. S after t is silent, as in rach do’n t-sabhal, rach do’n tabhal, go to the barn. Call bh and mh, at the beginning of words V, as in bha mi, va mi, I was, mhill e, vill e, he spoiled. Call dh and gh at the beginning of words Y, as in dhearbh e sin, yearbh e sin, he proved that, ghearr e an t-slat, yearr e an tlat, he cut the switch. Tha ’n leasan so airson ghillean oga agus nigheanan oga a leughas beurla ’s a thuigeas Galic agus aig a bheil urad de thur ’s gu bheil iad a cur romhpa gun deid aca air MAC-TALLA a leughadh an ceann beagan sheachdainean. Gheibh iad leasan eile an uine ghoirid. A. MAC G. SINCLAIR. Litir a Columbia Bhreatunnach. A MHAC-TALLA Ionnhuinn,—S’fhada bho na bha romham focal no dha chur thugad a dh-aithris cho toilicht us a tha mi a bhi faotainn a MHAC TALLA na h’uile seachduinn. S’ math leam a bhi faicinn aireamh cho mor de litrichean ann am MAC-TALLA bho iommadh cearn, ach tha mi duilich nach thug aon do na Ghaidheal a’s fhear a sgriobhas a Ghaidhlig na mise anns a chearn so oidheirp air litir a chur d’ ur n’ ionnsuidh. Tha moran do luchd Gaidhlig anns an oisinn iomallach so do Chanada—se sin muinntir a tha comasach air a ghaidhlig a thugsinn agus a labhairt, seadh, co pailt agus nach bitheadh e gle shabhailt do neach neach eile a chaineadh anns a Ghaidlig air an t-sraid. Ach tha roinn mhor a cumail a mach nach urrain iad an seann canain so a leughadh no a sgriobhadh, agus se sinn as coireach nach eil iad a cur a dh’iarraidh a MHAC-TALLA. Ach co diubh s’ math leo na h’ orain agus na naidheachdan eibhinn a chluintinn a bhi air an leughaidh. Bha’n t-side gle thioram ann a so bho cheann cor agus mios, ach tha an t-uisge air toiseachd air taomadh agus feumadh e bhith gur e an leigh is ail leinn mar a tha e air a radh gu’m bheil e co gann ann a Columbia Bhreatunnach. Tha mi cluinntinn gu bheil am barr agus am feur gle mhath anns an duithaich so am bliadhna, ach tha aon ni a tha a cumail an ite so air ais gle mhor, agus se sinn, na bheil ann do sheann fleasgach, gad nach eil iad deonach a bhi gairm an aimn sin diubh. Ged do their ir riu na bachelors, Cha neil cuid diubh seann gu leor; Cha be an aois a thug an t-ainm daibh, No dh’fhag iad nan cuisean broin. Ach a bhi comhnaidh na n’ aonair Gun mnathan aig na seoid; Gad a tha gu leor an Ceap Breatuinn, A fhreagraidh air an t-seorsa. Feumaidh sibh mo leithsgeul a ghabhail air son an droch “spelladh” a tha air an sgrobadh so, oir tha mise air a Ghaidhlig mar a bha fear eile, “Cha d’o ionnsuich mi idir i, dh’ fhas i annam.” Do bhana charaid, KATAG. Tha Gilleasbig Fenton, South Essex, Mass., a sgriobhadh,—Dh’ fheuch mi iomadh seorsa leighis air son droch stamag, ach cha d’ rinn aon diubh feum dhomh mar a rinn K. D. C. Chan urrinn domh gu leor a radh ga mholadh. Rinn e feum mor dhomhsa ’s do mhuinntir eile. Ann a Hawaii, duthich mu’n cuala sinn moran air a bhliadhna so, chan eil ach tri fichead sa ceithir de shaighdearan, ’s ged nach eil ann ach ghrunnan beag sin, tha trinir de sheanalairean os an cionn. Cha mhor nach eil a chuis mar a tha ’a sean fhacal Gaidhealach ag radh, “Ceannard thar fhichead air an fhichead saighdear.” Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. A charaide nach do phaigh am MAC-TALLA,—Na cuir an corr dail ann, ach suidh sios an nochd agus sgriobh litir bheag thuginn, agus cuir dollar na broinn. Nuair a gheibh sinne do litir cuiridh i aoibhneas mor oirnn, oir chan eil a leithid do litir a tighinn d’ar ’n ’n ionnsidh ro thric. Leighsidh Minard’s Liniment Crosdachd. Tha e air fhagail air muinntir Australia, gur iad an sluagh a’s truime air ithe feola a th’air an t-saoghal. Agus na h-Eadailtich, cha mhor gu bheil iad ag ithe feol idir. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 100] [Vol. 2. No. 14. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OCTOBER 7, 1893. Tha sinn a toirt dar luchd-leughidh aig an am so eachdridh ghoirid air Teaghlach Chola, o pheann an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair. Bha’n eachdridh so air a roinn na da earainn air son an cur an da aire amh de’n MHAC-TALLA. Air d’on deasaiche bhi air falbh toiseach na seachdain so, ghabh an cho-bhuailtear an gnothuch na laimh fhein agus chuir e ’n darra earann an clo, ’s dh’fhag e cheud earann air choinneamh na seachdain s’a tighinn. Tha MAC-TALLA mar so coltach ris an oraidiche a roinn an ceann-labhairt na shia cinn ’sa thuirt an sin gun toisicheadh e aig an darra point ’s gu’m fagadh e cheud phoint gu deireadh. Bha coinneamh mhor a Chomuinn Ghaidhealich ris an abrar am Mod air a cumail, an san Oban air Di-mairt an darra latha deug de’n mhios s’a dh’fhalbh. Bha aireamh mhor sluaigh a lathair agus chaidh gach ni air adhart cho riaghailteach ’s bu mhiann le Gaidheal sam bith fhaicinn. Tha sinn an dochas a bhi comasach air cunntas ceart a thoirt air a Mhod anns an ath aireamh tha romhainn mar an ceudna cunntas athghearr a thoirt air a Chomunn uasal a chuir am Mod air chois, air chor ’s gum bi fios aig na Gaidheil air an taobh so de’n chuan mhor ciod e a tha na Gaidheil air an taobh eile a deanamh air son na Gailig. “Tha sinn ’g iarraidh bhi toirt mile taing do ar cairdean air son an tlachd tha iad a gabhail anns a phaipeir againn agus gu h-airidh air son an tomhais cuideachaidh tha iad toirt dhuinn thaobh an oidhirp tha sinn a deanamh chum ar cainnt mhatharail a chumail suas. Bithidh suil againn ri nithe mor ann an rathad cobhair bho chlann nan gleann nam beann ’s nam breacan. Tha Gaidheil gu leoir ann an Canada, na dh’ fhaodadh am paipeir so chumail suas air leithid do dhoigh ’s nach tigeadh trioblaid na cruaidh-chas air a chaoidh. Agus tha sinn an dochas nach teid a radh chum ar mi-chliu gu’m b’eigin do’n MHAC-TALLA dol a dhith do bhrigh mi-churaim ar luchd duthcha. Am measg iomadh ni eile bhios sinn toirt air aghaidh bithidh e anns an t-sealladh againn bhi dearbhadh eadhon air luchd na Beurla fhein gu’m bheil a Ghailig feumail, ’s gu’m feum eadhon iadsan, tionndadh gu h-ionnsachadh, leis am bu mhiann eolas ceart bhi acair eachdraidheach agus nadur chanainean. Cha ’n urrainn sinn aicheadh gu’m bheil muiuntir ann an tomhas mhor sguir dhe bhi labhairt na Gailig ach tha e taitneach bhi toirt fainear gu’m bheil ar sgoilearan air tionndadh da h ionnsuidh, ’s co aig tha fios nach fhaod iad neamhnuidean fhaotuinn innte nach do shaol leo fhaotuinn. Air ar son fein, tha sin gu lan dheth na bheachd, nach tuigear aon chuid Beurla, no Greugais, no Laidunn, mar bu choir doibh bhi air an tuigsean, gu ’s am foghlumar iad ann an solus theid thilgeadh orra bho ’n Ghailig; ’s tha sin lan chreidsinn nach ’eil an la fad as, anns am bi a chainnt bhriagh, uasal so, air a teagasg gu follaiseach ’s gu cumanta ann an ard sgoilean gach dutchs feadh an t-saoghail.” Litir Bho Acarsaid Cloinn Fhionghain. Gu Fear Deasachaidh a Mhac Talla: Cha ’n eil feum ann a bhi toirt seachad leisgeulan air son a bhi cho fada gun sgriobbadh g’ur n-ionnsaidh. Tha barail agaibh fhen air an aobhar cheana, ’s chan ’eil buannachd ann an tuilleadh a radh. Tha sibh a thoirt iomradh air feodhain a bhios a faotainn coire d’ ar paipeir airson nach robh e mar sid, ’s mar so; ach gabhadh sibh an leisgeul, a chionn tha fios agaibh, “Gu feum an gearain a bhi ann, co dhiu.” Agus tha fios gu math. “Gu’n sgaoil am fear a bhios na thamh gur e fein a’s fhearr lamh air an stiuir.” Ach an fear nach dean cuideechadh, fanadh e na thosd, a chum ’s nach cuir e dragh air an stiuradair a tha deanadh a dhichill. Chan ’eil mi idir ag radh gu ’m bheil paipeir saor o mhearachd air gach doigh; ach c’ aite an bheil an ni talmhaidh a tha saor o mhearachd? Na’m biodh a leithid sin do ni ri ’fhaotainn, bhitheadh e am measg seachd ioghnaidhean an t’ saoghail. Tha mi an dochas air an aobhair sin ann an aite a bhi ’stri ri coire fhaotainn, gu’r h-ann a chuireas gach Gaidheal a ghuallainn ris a’ ghnothach gus an oidhirp chliuteach agaibh a dheanadh cho iomlan is a tha e ’n comus dhi a bhi. Mile thaing do ’n na deagh sgoilearain Gaidlig a tha sgriobhadh ugaibh litirean agus eachdraidhean Gaidhealach as gach cearn do’n t’saoghal. O’n nach eil dad a dh’eolas agam air a bhi sgriobhadh Gaidhlig criochnichidh mi an litir bheag so le bhi guidhe buaidh is soirbheachadh leis a MHAC-TALLA. Is mise, IAIN D. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. [TD 101] [Vol. 2. No. 14. p. 5] BROSNACHADH GHALGACUIS. Ceann-feadhna nan Gaidheal nuair a bha iad a’ dol a chur Cath ri feachd na Roimhe. AIR A CHUR ANN AN GAIDHLIG LE P. MAC PHARLAIN. A mhuinntir mo dhuthcha, agus mo cho-shaighdearan. Nuair a tha mi toirt fainear an aobhar mu’n do tharruing sinn ar claidhmhichean, agus am feum a tha againn air buile tarbhach a bhualadh mu’n cuir sinn a rithisd ’san truaill iad; tha mi mothachadh dochas aoibhneach ag eiridh suas am inntinn gu’m bi air an latha ’n diugh, slighe air fhosgladh chum saorsadh Bhreatuinn a thoirt air a h-ais, agus a chum cuing sgreitidh traillealachd na Roimhe a chrathadh dhinn. Tha a’ Ghaidhealtachd fathast saor. Cha b’ urrainn uile-chumhachd ghreimeil na Roimhe ar saorsadh a ghlacadh. Ach ’s ann a mhain le treubhantas a choimhdar i. Chan ion duibh fiughair a bhi agaibh, gu’n d’theid sibh as o luchd-creachaidh a chinne-daoine trid baighealachd. Nuair a cheannsuichear na duthchanna air am fasa ruigheachd, theid iad an sin air an aghaidh do-n ionnsuidh-san air an deacaire buaidh a thoirt. Agus ma bheir iad buaidh air an talamh uile, bheir iad a rithisd oidhirp air am feachd a chur gu taobh thall a chuain mhoir, a shealltuin nach ’eil fathast rioghachdan neo-aithnicht’ ann air an d’ thoir iad ionnsuidh, ’s an tabhairt fo chis do dh-iompaireachd na Roimhe. Oir tha sinn a faicinn, ma mheasar tir cumhachdach, gu ’n tabhair na Roimhich ionnsuidh oirre, ’chionn gu’m beil a ciosnachadh cliutach; ma tha i saibhir, tha iad a teachd le fiughair ricobhartach, ma tha i bochd, le deigh air alladh. Tha ’n airde n ear agus an iar, an airde deas agus tuath, aghaidh na cruinne gu h-iomlan, air an saruchadh le ’n cogadh; tha ’n saoghal mu’n iath grian ro-bheag airson an gionaich agus sannt. ’S iad fein an t-aon sluagh a chualas riamh a bha co deidheil air rioghachd bhochd ri rioghachd shaibhir a’ cheannsachadh. ’S coltach gur e am priomh-shonas a bhi creachanh, ’sa cogadh, ’sa dortadh fola; ’s an uair a dh’ fhasaicheas iad duthaich, ’s nach fagar duine beo innte is urrainn airm a thogail nan aghaidh, an sin their iad gu ’n d’ thug iad sith do’n tir sin. Dh’ orduich nadur fein do na h-uile dhaoinibh gu’m bi am mnathan agus an clann ro-ionmhuinn leo, ach tha dearbh-chinnt agaibhse, a mhuinntir mo Dhuthcha, gu’m beil na fleasgaich air an d’ thugadh buaidh air an tarruing air falbh, a dhianamh suas feachd na Roimhe. Tha mnathan, peathraichean, agus nigheanan nan daoine a gheill daibh, an dara cuid, air an eigneachadh, no air an truailleadh le seoltachd nan creachadairean an-iochdmhor sin. Tha toradh an dichioll air a shlaodadh a dhianamh suas cis a leagadh orra le gionaich fhoir-neartach. Tha na Breatunnaich a cur am machraichein ach tha na Roimhich chiocraich gam buain. Tha ar cuirp air an sarachadh a’ dianamh oibre daibh; agus is e buillean agus tair am buidheachas a tha againn an co’ lorg ar saoithreach. Tha iadsan a rugadh nan traillibh air an ceannach, agus air an cumail suas le ’n sealbhadairibh; ach tha an tir neo-shona so a’ toirt duais airson i ’bhi fo dhaorsadh, agus a beathachadh na h-aiteam a tha ga toirt ann. Agus is e ar cuid-ne de’n mhi-chliu as fior chraitiche, o chionn gur iad muinntir an Eilean so as’ deireannaiche a thainig fo ’n chuing thruaillidh. Is e am fuath a tha againn air an-tighearnas, a choire a’s mo a tha brosnachadh nan an-tighearnan, foirneatach sin ’nar n-aghaidh. Tha sinn a bhi cho fada bho bhaile mor ar rioghachd, agus air ar dion a thaobh naduir leis a’ chuan chuisleach uaibhreach a tha ’gar cuairteachadh, ’gar fagal buaiteach d’an anamharuis; oir tha fios aca, gu’m beil Breatunnaich air am breith le fior ghradh air saorsadh agus tha iadsan am meas, gur duthail dhuinn a bhi smuaineach air a’ chothrom a ghabhail, uair no uair-eiginn, air sinn fein a shaoradh bho ’n cuibhrichibh. Mar so, mo chairdean, le sinn a bhi air cur an duileachd, agus air ar fuathachadh, mar is eiginn duinn a bhi, leis na Romhaich, cha-n ion duinn fiughar a bhi againn ri daorsa chuimsion fein a mhealtinn fodhpa. Cuireamaid romhainn ma ta, ann an ainm gach ni ’tha naomha, agus chum gach ni is caomh leinn a dhion, oidhirp fhoghainteach a thoirt, mur ann a dh’ fhaighinn cliu, air a’ chuid a’s lugha, gu bhi tearuinte; mar ann a chumail suas meas Bhreatunn, mar a’s lugha chum ar beatha a dhion. Cia dluth a bha na Brigantich air a chuing a chrathadh dhiubh fo stiuradh Boirionnaiche! Loisg iad ionad-comhnuidh Roimheach; thug iad ionnsuidh air na Legoinaibh Roimheach nan campa. Mur d’ thugadh mar shoirbhich leo, orra a bhi tuille ’s earbsach asda fein, bha an gnothach ach criochnaichde, agus nach dean sinne, muinntir na Gaidhealtachd, aig am beil ar criochan fathast saor, ’s aig am beil ar neart gun lughdachadh; nach toir sinne oidhirp, mo cho-shaighdearaibh, air cail-eiginn a dhianamh, a nochdas do na creachadairibh coimheach sin, gu’m beil aca tuille ri dhianamh na bha iad am barail, mu’n d’ thoir iad buaidh air an Eilean uile. (Ri Leantuinn.) Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 102] [Vol. 2. No. 14. p. 6] AN COTA BREACAIN. LE DOMHNULL DOMHNULLACH AN TIRIDHEADH. Rinn Iain Mac-Faidein, taillear, cota do’n bhard. Na n b’fhior e-fhein bha e ro thoilichte leis. FONN.—Gur h i bean mo ghaoil an Spainteach. Mo bheannachd a dhol an ire Do ’n fhear ’rinn gu grinn mo chota; Cha n-fhaic mi na ’s fhearr a sheasas Air fleasgach no air fear posda, ’Nuair a ni mi orm a dhunadh, Taobh a chuil cha ’n-fhaicear sgod air, ’S tric a feoraich anns gach ait iad, Cait an d’ fhuair an taillear fhoghlum. Fhuair e ’fhoghlum ann san tir so, ’S rinn e deise riomhach dhomhsa; De bhreacan ro mhaiseach aluinn ’Ni iomadh la dhomh mar chomhdach: Cot’ ’tha eireachdail ri ’fhaicinn ’Se fior thaitneach air gach doigh leam; Peiteag a dh’fhoghnadh do’n Bhaillidh, S fuaigheal laidir air gach poca. Feumidh gach taillear ’san duthich Dol ’thoirt greis de dhuinne comhl’ ris, Gus an ionnsich iad a chuma, ’S bidh iad am buidhinn ri ’m beo dheth. Bidh mi taingeal dha ri m’ shaoghal Chionn e thigh’nn an taobh so ’n mhointich. Air a buill tha ’n deise ’fuireach, ’S gheibh i ’n t urram air gach comhail. ’S bhon a rinn thu i cho finealt’, Bidh mi ’strith ruit gus am pos mi; ’N uair a gheibh mi bean is paisdean, Togidh mi de m’ nadar gorach, Tha mi toilicht’ ann am inntuin Leis gach ni mu ’n deise bhoidhich; Aig ’fheabhas ’s a rinn thu ’deanamh Chuireadh i sgiamh air fear-posda. Thairneadh cota na deadh chuma Am fior bhuarridh gu bhi sporsail. Nach faic sibh fhein mar a tha e, ’H-uile snaithean dheth co boidheach; Gun a choimeas aig duin’ uasal Air an taobh a tuath de’n mhointich. Their Mac-Farlainn rium an ceart uair, Meal e ’s thoir an t atach dhomhsa. Mo lamh-sa gum faigh thu ’n t-atach, Ma bhios mise fada comhl’ riut; S fearra dhuit na aodach ur e, Bheir e’n cuirt nan gillean og thu; Amhirc air gu geur le d’ shuilean, Mar tha na clair-chuil an ordagh; ’S nam bu mhi Iain Caimbeal, taillear, Bhiodh a phataram am ’phoca Ach ’s ann tha e-san ag ratinn, Cha lean mi gu brath an doigh sin;— Cota farsuing air a bhialthaobh, Is deagh liad ann mu na bhodhan, Sa h-uile butan dheth ’n dunadh Eadar na gluinean’s an sgornan;— Sin a chuma ’bha ’san fhasan ’Nuair ’bha mis ’s Mac Cainteal comhla. Cha n-fheil an diugh ann san aite Ged tha taillearan gu leoir ann, A h-aon ach mi fhin a ni i, Ged a bha i fior mhath, boidheach. ’S miosa ’n t-sochair e na ’mheirle, ’S ionnan sin ’s mar tha Mac-Curidh, Leig e ’n t-seana chuma troimh mhiaraibh, ’S cha riarich e gillean oga. Na fleasgaich a bh’ann ri m’ linn-sa Cha robh iad riomhach no sporsail; Bha iad uasal, fearail, fialidh, ’S gheibhinn ciallach iad ’nan comhradh, Chunnig mise gillean gasda A rachadh a mach Di-domhnich A dh-eisdeachd searmain do’n chlachan, Le ’m briogisean glasa clotha. An sin labhair Domh’ll Mac Ruaridh, ’S taillear uaislean ’rinn do chota; ’S ann is coltach e ri staoidhs’ A bhiodh ’cur loinn air maighdinn sporsail; Cha n-fheil a leithid ’san fhasan Ach aig marsanta, no drobhair ’Bhios a’ falbh le crodh do shasunn, ’S bata gias-darich ’na dhorn aig’. Leigsidh Minard’s Liniment cnatan. Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh K. D. C an leigheas a’s fhearr a th’ann. Tha na dotairean a’s fearr ’ga mholadh. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHLCAIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 103] [Vol. 2. No. 14. p. 7] Litir a Srath-Alba. S taitneach ri’n leughadh na litrichean a thainig do t-ionnsuidh o chionn ghoirid. Aithnichear air fuaim an airgid mas ann an tigh-cuinnidh ceart a rinneadh e. ’S toigh leam am fuaim a th’ aig na litrichean tha a’ tighinn thugad a Sniosart, a Lunnuinn, a oil-thigh Antigonish, a Bailefast is a aitean eile. Tha iad a nochdadh gu soilleir gu ’m beil daoine eolach tuigseach agus ard ann am foghlum nam fior chairdean duit. Tha iad so agus moran eile lan chomasach air cuideachadh a thoirt duit, agus ni iad e mar an ceudna. Ged nach samhlaichinn mi fein riu ann an doigh air bith, ach a mhain ann an deagh dhurachd, gidheadh cha di-chuimhnich mi idir thu. Cuiridh mi ni-eigin do t-ionnsuidh o am gu am mar a cheaduicheas uine dhomh. S neonach leam nach eil an t-Olla Mac Nis, an Cornwall, Ont., a togail a ghuth air do thaobh. Feuch nach do dhi-chuimhnich thu dhol air cheilidh air chum ’s gu’m faigheadh e eolas ort. Tha mi meallte mar dean e gniomh caraide riut. Feuch nach bi thu toirt cluas do’n mhuintir do ’m fasan bhi faotainn coire. Thoir dhuinn, de bhiodh glan, gach atharrachadh as urrainn duit, agus gabhadh na h-uile fear an rud a thaitneas ri bhlas fein. Tha thu deanabh gle mhath; ’se sin beachd a mhuinntir do’m fearr is aithne breth a thoirt. Tha na h-aireamhan mu dh-ireadh de’n MHAC-TALLA cho math ’s gu’n ean mi mar thuirt Gilleaspuig Eutrom ris an duine a bh ’as a rian. Bheachdaich Gilleaspuig air gu geur a stigh tre’n uinneig: Am feur bochd a bha stigh ’s e cur nam both dheth ri cainnt ’s ri gleadhar. “Sin thu” ars Gilleaspuig ’s math an coltas a th’ ort. Lean romhad mar sin ’s tha t-aran fuinte.” Sin mar a their mise mun MHAC TALLA. Lean romhad mar sin ’s cha churam nach soirbhich leat. C. C. Strath-Alba, E. P. I. Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt le MINARD’S LINIMENT. ROBERT ROS. Two Rivers, N. S. Bha mi air mo leigheas o’n ’amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. IAIN A. FOREY. Antigonish, N. S. Leighis MINARD’S LINIMENT crupadh fheithean orm-sa. MRS. RACHEL SAUNDERS. Dalhousie. Tha duine am baile mor Lunnainn a tha anabarrach gealtach, agus re nan seachd bliadhna chaidh seachad, bha e gach latha deanamh corr us mile dh’astar nach ruigeadh e leas mur biodh gu robh stor fudair air aon de na sraidean roimhe agus bha eagal air gum faodadh i teine ghabhail. An latha roimhe fhuair e mach nach robh srad fudair ’san stor sin o chionn ochd bliadhna. Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Ach co dhiubh bha eagal air Criosduidh fein roimh ’n eilean na nach robh, dh’amhairc moran dhiubsan bha air bord air le tlachd, an dochas gu’n cuireadh iad an cas aon uair eile air talamh tioram. Dh’innis Tomas, a rinn uaill a moran cnuasachd, da bhrathair gu’m be ainm an eilean Sgiamhach. “Feumaidh gur aite comharraichte th’ ann” fhreagair Peadar, “oir tha mi cluinntinn gairm-coilich.” “Faod sinn dhol air tir?” dh-fheorich Tomas. “Co ’s urrainn ar bacadh” ghlaodh Peadar. Thug iad ionnsuidh mar gu leigidh iad sios a’n “Gealladh,” ach bhac Eudmhor iad ag radh gu feumadh iad cead fhaotuinn bho Chaptein Criosduidh. Dhiarr Peadar cead dheth Athair ach ’se freagradh a fhuair e, “Na bi air do bhuaireadh leis an olc.” Ghreas air ais dh’ionnsuidh a bhrathair ann a feirg, ag ra, “Bu mhiann le ar t-athair sinn bhi nar leanabain a chaoidh.” Chuala Tuigse iad air dha bhi gabhail seachad, agus thubhairt e. Bithibh-sa nar cloinn an an ceilg. Dhearrs suilean Pheadair mar le teine. Dh’fas Tomas gruamach tra sheas na h-oganaich taobh a spaisdearach timchioll an t-soithich mar aon de na balaich aotram a feadalaich airson gaoth sgairteil. Chomhairlich e dhoibh an Lagh a ghabhail na’n lamhan fein. Aig an naodhamh uair de’n la thainig fe; dhealraich a ghrian gu garg orra, thuit clo codail orra uile agus suain; dh’fas eadhon suilean Chriosduidh fein trom-cheannach. Ach dhamairc Peadar agus Tomas, aig an robh nis barr graidh do shaimh na bha aca do Dhia, air Fein-Earbsa le suilean miannach. Mar as mo a dhamhairc iad ’sann bu mhaisich a dh’fas e dhoibh. Bha Tomas dearbh chinnteach gu robh na craobhan maith chum bidh agus mar an ceudna taitneach do’n t-suil agus nan craobhan ra miannachadh a dheanamh neach glic. Thubhairt Peadar; “ma streapas sinn an cnoc ud chi sinn uile rioghachd an domhain, agus an gloir. Gheill iad do’n bhuaireadh. Thilg Peadar dheth a Chota, thug e leum do n chuan agus shnamh e air tir; ach chaidh Tomas le cas thioram air ramhach. Air do chriosduidh bhi air a dhusgadh leis an fhuaim ghairm e air ais iad, ach dhiult iadsan. Thubhairt e ris fein “S iad na nithibh so toiseach thruaighean, “agus bha run air dhol air an toir anns’ a “Ghealladh.” Dh’faodadh e sin a dheanamh mar be gu n d tug Tomas leis na Raimh. Dhiarr e comhairle air Tuigse, a fhreagair e Gheibh am peacaidhean a mach iad. Leighsidh Minard’s Liniment amach ghoirt. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 104] [Vol. 2. No. 14. p. 8] FOGRADH NAN GAIDHEAL. Bha daoine treun, ainmeil, gaisgeil ann an Gleann-a-garaidh anns na laithibh o shean. Ann am bliadhna Thearlaich dh’ eirich sea ceud ceatharnach sgairteil le Mac-mhic-Alastair ann an aobhar a’ Phrionnsa agus lean iad e gu sliabh Chuil-fhodair. Ach mu dheireadh bhuin an t-Uachdaran cho leibideach riutha ionnus gun d’ fhag moran diubh an duthaich gu dol a dh-America. Chaidh cuid diubh do na Statachan Aonaichte, agus chaidh feadhainn eile do Chanada far an d’ thug iad Gleann-a-Garaidh mar ainm air an earrainn sin de ’n tir anns an do ghabh iad comhnuidh. Ach chaill Mac-Mhic-Alastair e fein an oighreachd sin bho ’n d’ fhuadaich e air falbh an sluagh, agus tha i a nis ann an lamhan choigreach. Nuair a bha an t-oighre ’na leanabh agus a bha riaghladh na h-oighreachd ann an lamhan na Bain-tighearna, a mhathair, chuir i air falbh a h-uile duine a bha ann an Cnoideart. leag i na tighean, agus chuir i teine riutha gus an losgadh mar a bha Padruig Sellar a’ deanamh ann an Cataobh. Bha cuid de theaghlaichean anns an robh mnathan agus clann og, mhaoth, a mach air an toin fad na h-oidhche gun fhardoich gun fhasgadh ach na gheibheadh iad anns a’ chuid a bha ’nan seasamh de bhallachan nan tighean ris an do chuir iad cabair an aird air an do sgaoil iad plaideachan gus a’ ghaoth a chumail o bhi seideadh orra. Bha seann duine Iain Dughallach aig an robh teaghlach. Bha e ann an easlainte agus bha dithis mhac dha ann an Eilginn ’nan laidhe gu tinn leis a’ Bhric. Dhiult e falbh aig an am sin gus an rachadh e am feobhus agus an tigeadh an mic aige dhachaidh nan leighiseadh iad o’n Bhric. Ach thainig am Baillidh agus na maoir gus an tigh a leagail; chuir iad a mach Iain Dughallach as an tigh, thilig iad an airneis a mach air an dorus, agus leag iad an tigh gu lar. Fad na h-oidhche bha an teaglach bochd sin a mach air na cnoic fo na speuraibh lom gun dion gun fhasgadh. Nuair a dh’fhalbh na maoir chruinnich Iain Dughallach na clachan agus am fal ri cheile, chuir e suas iad ’nam balla, chuir e cabair ’nan seasamh an taice ris a’ bhalla agus air na cabair sgaoil e plaideachan, seann siuil, agus sgrathan gu seorsa de dhion a chuir fasgaidh air fein agus air a theaghlach. Ach mo thruaighe! an ceann seachduin phill na maoir air an ais agus leag iad am bothan diblidh aige gu lar. Cha’n eil an so ach aon saimpleir de ’n obair chruaidh a rinn Baintighearna Mhic-’ic-Alastair ann an Cnoideart. Bu searbh ri innseagh an sgeul nan cuireamaid an ceill a h-uile gniomh ain-iochdmhor a rinn a’ bhean so air an t-sluagh bhochd gus am fogradh a mach as an tir gu caoraich agus feidh a chur ’nan aite. Ach thainig e mu’n cuairt ann am Freasdal De gun do chaill teaglach Mhic-’ia-Alastair an oighreachd. Cha-n ’eil ainm no iomradh orra ann an tir an sinnsear, agus cha-n-iongantach e. Is gann a gheibhear aon dhe ’n fhine Dhonullach ann an Gleann-a-garaidh no ann an Cnoideart. Dh’fhuadaich Mac-’ic-Alastair an toiseach air falbh an sluagh, as an tir, agus chuir Breitheamh na talmhainn a rithist air falbh Mac-Mhic-Alastair, “Leis an tomhas le ’n tomhas sibh, tomhaisear dhuibh a ris.” Tha C. H. Harrington & Co., an deigh an tigh-ceannachd a dheanamh na’s modha na bha e. Tha e nise tri stoiridhean a dh’airde ’s air a chur an uidheam cho math no nas fearr na tigh-ceannachd sam bith eile ’tha ’sa bhaile. Tha ’n siucar, an ti, a mhin, am flur, ’s gach ni dhe’n t-seorsa sin air an cumail ann an rum dhaibh fein ’s tha na brogan air an reic ann an rum eile. Tha ’n stor air a h-uile doigh fad air thoiseach air mar a bha i roimhe, agus a nochdadh gu soilleir gu bheil C. H. Harrington ’sa chuideachd a soirbheachadh gu math. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B, Mac Gillies & Mac achuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 105] [Vol. 2. No. 15. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 14, 1893. No. 15. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac achuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & RICH T. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHEACHDAN NA SEACHDAIN. Bha ’n t-side air an fhoghar so gle mhi-fhabharrach do ’n iasgach. Cha bhi faisg uiread eisg aig na h-iasgairean ’sa bh’aca ’n uiridh. Chaill da fhichead duine am beatha ann am meinn am Michigan le uisge a bhruchd a stigh orra ’s iad aig an obair. Thanig an t-uisge o abhainn a bha faisg air laimh. Rugadh leanamh-gille ann an New York an la roimhe, a tha na oighre air fichead muillean dolar. Is ogha e do’n fhear nach maireann Jay Gould. ’S ann gu posadh athair us mathair a ghille so a chaidh Jay Gould fein an turus mu dheireadh a bha e mach air dorus a thaighe. Tha Herald Sidni-a-Tuath ag innse sgeul bheag air an t-seachdain so agus ma tha i cho fior sa tha i cho neonach foghnidh i. Bha lair le Mr. Iain Nisbet air a cumail ann am pairce dhuinte, agus tha e coltach nach robh a caiseart a cordadh rithe ro mhath, oir dh’ fhosgail i air doigh eigin an geata agus choisich i air a socair fein gu ceardach Elliott, agus as a sin cha rachadh i gus an d’ thug an gobha dhi na cruidhean, a bha air am fagail oirre tuilleadh us fada. Re a gheamhridh s’a chaidh bha corr us leth-cheud mile tunna de ghual air a chur a mach a seann mheinn Shidni, agus air a chur na thorr aig beul an tuill a dh’ fheitheamh air an t-samhradh. Be ’n torr guail bu mho a rinneadh aig aon mheinn an Ceap Breatuinn riamh, ach tha ’n cnap mu dheireadh dheth air falbh roimhe so maille ri corr us ceud mile tunna a chaidh a chladhach re an t samhridh. Ma leanas an t-side gu math ’s nach tachair sgiorradh sam bith a chuireas maill’ air an obair, bidh da cheud mile tunna air a chur air falbh as an aon mheinn sin mu’n sguir i toiseach a gheamhridh. Tha muinntir aig ’m bu choir fhios a bhi ag radh gum bi sin air thoiseach air aon mheinn sam bith an Ceap Breatuinn no ’n Nobha Scotia. Tha na meinnean eile a deanamh cha mhor cho math, agus can eil teagamh nach i so bliadhna cho math do mhuinntir a ghuail sa thanig o chionn fhada. Bha reis air a cur air an t-seachdain so an acarsaid New York eadar soitheach scolidh Geancach da’n ainm am Vigilant us soitheach Breatunnach da’n ainm an Valkyrie. Bha iad ri ruith deich mile fichead coig uairean. Thanig fios feasgar an de gu robh iad an deigh an treas reis a chur, ’s gu robh an soitheach Breatunnach mu chairteal mionaid air thoiseach air an te eile. Tha ’n soitheach Geancach mar so an deigh an reis a chall. Gaidhil Lunnuinn. Tha na comunnan Gaidhealach anns a bhaile so a nis a cur an ordugh air son coinneamhan a gheamhraidh agus iadsan aig am beil deidh air coisir-chiuil, dannsadh no a leithid sin cha ’n eil eagal sam bith orm nach fhaagh iad an leoir diubh. Chuala mi gu’n robh an class Gaidhlig gu bhi toiseachadh a rithisd air an ath mhios agus gu ’m beil na Sgoilearan Gaidhlig a’s fhearr a th’anns a bhaile gu bhi air a cheann. Bithidh e na dha earrann, aon air an sonsan nach eil ach a toiseachadh air a chainnt ionnsachadh agus an aon eile airson na muinntir aig am beil beagan eolais cheana. Tha cheud earrann gu bhi air a teagasg le Mhr. Uilleam MacIlliosa agus is i so an tritheamh bliadhna ’tha e gabhail na h-oibre so os laimh. Tha teagasg na dara earrainn gu bhi air a roinn eadar triuir Ghaidheil a tha ainmeil am measg an luchd-duthcha airson an sgoilearachd, ’s iad sin an Leighiche Mac Illiosa, an Leighiche Mac Dhomhnuill agus an t-Urramach N. Mac-Neill, L. L. D. Eadar iad sin chan eil teagamh sam bith agam nach bi foghlum ri fhaotainn aig a chlass so nach tric a gheibhear aig a leithid agus tha mi ’n dochas gu ’n gabh moran de mo luchd-duthcha an cothrom so air eolas fhaotainn mu dheibhinn ar seann chanain, ar duthaich agus na daoine bho’n d’thanig sinn. Bha Mod a Chomuinn Ghaidhealach anns an Oban air an 12mh la na choinneamh eireachdail a reir gach cunntas a fhuair mi mu dheibhinn. Tha mi toilichte gu’m beil muinntir a faicinn mu dheireadh gu’m beil ni-eigin ann ar cainnt agus ar ceol is fhiach a ghleidheadh an cuimhne. Go’m biodh aireamh na muinntir sin a dol am meud! CABAR FEIDH. [TD 106] [Vol. 2. No. 15. p. 2] TEAGHLACH CHOLA. B’e Iain Garbh a chead Mhac-Gilleain a bha air Cola. Bu mhac e do Lachinn Bronnach, triath Dhubhairt, agus d’a mhnaoi, nighean Mhic-Leoid Dhunbheagain. Rugadh e mu’n bhiiadhna 1416. Bha e na dhuine luidir, calma, misneachail, agus na fear-cogidh math. Thug Alasdir Mac-Dhomhnuill, morair nan Eilainean bho ’n bhliadhna 1423 gu 1448, coir dha air Cola agus air Cuimbuis ann and am Muile. Cheannich e Rum bho Ailain Mac Ruari, tighearna Mhuidairt. ’S e Niall og a cheud Mhac-Neill a fhuair coir air Barra. Thugadh dha i leis a Bhrusach. Thanig Murchadh a mhac na dheidh, Ruari Mac Mhuchidh an deidh Mhurchidh, agus Gilleoinean Mac Ruari an deidh Ruari. An deidh bais Lachinn Bhronnich phos Gilleoinean a bhanntrach aige, mathair Iain Ghairbh. Fhuair e coir bho Mhorair nan Eilainean air Barra agus air Baothasdal sa bhliadhna 1427. Bha e na dhuine fior fhoghainteach, mar a bha Domhnull Mor Mac Ruari Bhain agus iomad fear eile a mhuinntir Bharra. Bha Domhnull Mor uair ann am baile Naoimh Iain, an Newfoundland. Bha soitheach aige dha fhein agus bhiodh e a dol gle thric do’n aite sin. Thachir do shoitheach a Eilain a Phrionnsa agus do shoitheach Dhomhnuill a bhi ’m baile Naoimh Iain aig a cheart am. Air oidhche Di-sathuirne bha sabaid shalach ann sa bhaile eadar seoladairan agus cuid de mhuinntir a bhaile. Chaidh cinn a ghearradh, agus uinneagan a bhristeadh. Bha beagan de dhaoine Dhomhnuill agus de sgioba an t-saoithich a Eilean a Phrionnsa na seasamh air an t-sabaid; a beachdachadh air an t-sraid; ach bha cuimhne aca air an rud a thubhirt an clag a bha ’n Sgain,—An rud nach buin duit na buin da, agus mar sin chum iad bho luchd na tuasaid. Nuair a bha h-uile ni seachad agus a bha iad a falbh gu ’n soithichibh thanig buidheann laidir de ghraisg a bhaile nan deidh, ag radh riutha gur h-iad a bhrist na h-uinneagan agus a muidheadh gabail orra. Fhreagir na Gaidheil gu siobhalta, oir ’ s e Gaidheil a bha annta, nach h-iad. Chreid ceannard nan daoine a bha nan deidh iad agus leig iad leotha. Moch air maduinn na Sabaid thanig Domhnull Mor far an robh na daoine bho Eilain a Phrionnsa. Bha, ars’ esan, muinntir a bhaile a cur oirbh gur sibh a bhrist na h-uinneagan an raoir. Bha, ars’ iadsan, ach cha do bhean sinne do ni sam bith. Tha fios agam air a sin, ars’ esan; oir dh’ innis na daoine agam fhin dhomh mar a bha; ach clann an uilc’ graisg a bhaile so, bheir mis’ orra nach bi iad a cur bhreug oirbh. Dh’ fhalbh e a suas a dh-ionnsidh an taighe ’san robh na h-uinneagan briste. Lean a sgioba fhein agus sgioba an t-soithich eil’ e. Ann am beagan mhinaidean chruinnich sluagh mor timchioll air. Bha sibh, ars’ esan, a cur air na daoine agamsa agus air feadhinn eile gur h-iad a bhrist na h-uineagan an raoir. Tha mise ’g radh ruibh nach iad. Aidichibh gu bheil sibh breugach, airneo faighibh duine dhomhsa de mhuinntir a bhaile a sheasss tri buillean rium. Cha d’ fhuaradh an duine a bha a dhith air. Bha muinntir a bhaile ro eolach air Domhnull; bha fios aca gu math nach robh duine nam measg a ruigeadh a leas lamh a chur air. Dh’fheuch Gilleoinean, tighearna Bharra, ri Cola a chumail dha fhein. Cha robh Iain Garbh ach og agus b’ fheudar dha teicheadh. Thill e an ceann bliadhna no dha air ceann beagan dhaoine gaisgeil. Chaidh e air tir aig an acarsaid fhalich an Cola. Chum e roimhe gu Grisipoll far an robh Mac-Neill. Chuireadh blar fuilteach an sin, ann san do thuit Mac-Neill agus a chuid daoine. Bhiodh Iain Garbh air a mharbhadh le Mac-Neill mur bhith gun do chuidich fear de chuid daoine, do ’m b’ ainm an Gille Riabhach, leis. Fhuair an Gille Riabhach baile Dhearbhaig mar dhuais. An deidh do dh-Iain Garbh seilbh fhaighinn air Cola thug e Barra air, chum e seilbh air an eilain sin re sheachd bliadhna. Thug e an sin seachad e do ’n oighre dhligheach, a bhrathair fein. Thionndaidh Morair nan Eilainean an aghaidh Dhomhnuill Duibh Mhic Ailain, ceann-cinnidh Chloinn-Chamarain. Thug e fearann Lochiall bhuaithe, agus thug e coir do dh-Iain Garbh air. Thachir so mu’n bhliadhna 1440. Phos Iain Garbh Iseabal, nighean Mhic-Shimi. Bha da mhac aige, Iain Abrach agus Lachinn. B’e Iain Abrach an darna Mac-Gilleain a bha air Cola. Phos e nighean do dh-Eoghann Mac-Gilleain, Tigherna Ghlinn Urchadain. Bha da mhac aige rithe, Iain og agus Eachann. Chaidh a mharbhadh aig a Cheapich le Domhnull Dubh Mac Ailain. Fhuair Domhnull Dubh greim air a choir a thug Morair nan Eilainean do dh-Iain Garbh agus chuir e san teine i. Ann san troimhe-cheile a bha ann sheas Clann-Ghillonfhaidh gu laidir air taobh Iain Abrich. An deigh a bhais, chuir iad a bhanntrach aige agus a dhithisd mhac dhachidh do Chola. Bha Leathanich Chola cho taingail dhaibh ’s gun do ghearr iad air claich oscionn doruis Caisteal Bhreacachaidh na facil a leanas;—Mac-Gillonfhaidh sam bith a thig do ’n chaisteal so gheibh e tearmunn. B’ e Iain Og an treas Mac Gilleain a bha air Cola. Bha aon mhac aige, ach chaochail e roimhe fhein. Chaochail e e fhein mu’n bliadhna 1558. Thanig Eachann a bhrathair a staigh air Cola na aite. B’e Eachann, mac Iain, Abrich mac Iain Ghairbh, an ceathramh Mac-Gilleain a bha air Cola. Bha e na sgoilair math Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. [TD 107] [Vol. 2. No. 15. p. 3] agus na dheagh bhard. ’S e an Cleireach Beag a theirteadh ris am bitheantas. Is e a rinn Caismeachd Ailain nan Sop. Bha e posda da uair. Leis a cheud mhnaoi, Meubh, nighean Alasdir mhic Iain Chathanich, bha triuir chloine aige, Eachann Ruadh, Mairearad, agus Seonaid. Leis an darna mnaoi, Fionnaghal, nighean Ghuaidhre Mhic-Alasdir an cinn-tire, bha da mhac aige, Ailain Achadh-an t-sabhail agus Iain Ghrisipuill. Thug e suas an oighreachd do dh-Eachann Ruadh a mhac ’sa bhliadhna 1559, bliadhna an deidh dha fhein a faighinn. B’e Eachann Ruadh, mac a Chleirich Bhig, an coigeamh Mac Gilleain a bha air Cola. Phos e Mor, nighean do dh-Eachann Og Dhubhairt, agus piuthar do Lachinn Mor. Chaochail e na dhuin’ og. Dh’fhag e aon mhac. Lachinn. A. MAC G. SINCLAIR. AN LA AN DEIGH A BHREITHEANAIS. (MONTGOMERY’S “The Day after Judgement.”) Tha crioch air laithibh ’s bliadhnaibh tim, Air soilise grein’, air gealach ’s reult’, Leig talamh ’s cuan am mairbh fodh chis Us theich, nuair ghlaodh an t-aingeal treun, Na nithean diomhair uil air ’n inns’ Thairis tha ’m breith, seulaicht’ gach binn, ’S bi’dh ’n duine fad na bith-bhuantachd. Mar ta e nis, gun chaochlaideachd. Bho Adhamh nuas gus neach a’s oig Da shliochd, cha deachaidh aon diubh as; Nach b’ eigin seasamh aig a mhod, Mas call no saoradh anma leis Chaidh cuid fo ghnuis a Bhreitheimh sios Gu doruinn uamhasach gun chrioch; Dhruid drogh’ltas iad an slochd a bhroin Co ’n teanga dh’ innseas meud an leoin? Ach feuch? na fireain, bho lamh dheas An Righ, gu gloir ag eiridh suas, Gu tosdach air chuan chriostal sheas Aireamh gun aireamh, nan naomh shluagh. Us Esan dh’fhuiling air a chrann, Uil oibre nis air teachd gu ceann Mar Fhaidh, mar Shagart, us mar Righ; Fo stol a chois na h-uile ni. Ann fein do chi gach uile shuil (Trath shleuchd gach uachdranachd na lath’r) Fior lanachd iomlan Dhe nan dul Na h-uil’ ’s na h-uile, Dia a mhain. ’N sin freagraidh bith-bhuantachd gu binn An t-oran ni na naoimh a sheinn; Am fonn a thog iad, tus an slaint, Ni mhuinntir shaoirt’ a sheinn gu brath. An t-oran ud, do-labhairt binn, ’M bi mi gu siorruidh seinn gu h-ard? No ’m measg nan aingidh a dol sios Do shlochd gun iochdar ’n darra fais. Iosa, mo bheath’ ’s mo sholus fein! Tha d’ fhocal ann am chri ’s am bheul, Nis deonaich dhomhsa, trid do ghras, M’ anam a theasriginn o’n bhas. CUMHA Do Mhr. Uilleam Siosal a chaochail am Pomquette, an Siorramachd Antigonish, ’sa bhliadhna 1884. LE IAIN SIOSAL. AIR FONN.—An Talla w’ bu ghna Mac-Leoid. Ged is eiginn domh gluasad, Tha mi muladach, gruamach, ’S bi’dh lionn-dubh air mo ghruaidhean a chaoidh. Ged is eigin &c. ’S mi bhi ’g ionndrain an armuinn Bu mhor chliu anns gach aite S gun duin’ eil ann ’thug barr ort ri m linn. Bha thu iriosal, uasal, Cha robh ardan riut fuaighte, Beul tairis nan duanagan grinn. ’S tric bha mi an solas Maille riut ann ad sheomar, ’S tu a leughadh dhuinn doighean gach linn. Air cho fad ’s ga robh ’n oidhche, Le meud aighir us aoibhneis, Cha d’ thig cadal le foill oirnn no cis ’S beag an t-ioghnadh do bhraithrean ’Bhi cho dubhach ’sa tha iad, Tha craobh-mullaich an garaidh ’sa chill. An coigeamh la deug de’n Earrach, ’Sann a fhuair sibh an sgaradh, Chaill ribh buachaille-beallaich meo chli. Fear a leughadh a choir dhuinn Gach la feille ’s Di-domhnaich Dh’fhag thu mulad us bron anns an tir. Tha de pheathraichean leointe ’S tric a sileadh nan deoir iad Cha ’n eil aighear no ceol leo ach faoin. ’Nuair a thigeadh tu ’n airde, Bu leinn d’ fhuran us e’ fhailte, ’S bhitheadh na coimhearnaich lamh riut gach taobh. ’Nam dhuit suidhe gu d’ dhinneir Gheibhte gloinneachan fiona, Bho lamh sona meo-chrion ga toirt duinn. Ach nis ’s muladach tha mi Cha’n fhaic mi tuille fear t-abhaist Mhaighstir Uilleam ’s e do bhas rinn ar claoidh. Bho nach bard mi ni oran No chuireas facail an ordugh Guidheam t anam bhi ’n solas nan naomh. Rugadh Iain Siosal, a rinn an cumha so, sa bhliadhna 1801, ann am Balinasloe, Galway. Bliadhna ’n deigh sin thainig teaghlach athair gu Srath-ghlas. Anns a bhliadhna 1823, thainig e do America. Tha e fathast beo, slan, ann an Glasburn, Antigonish. B ’e ’m bard Domhnull Siosal, brathair a sheanair. Tha teaghlach mor aige. B’ogha dha an t-Urr. Aonghas Siosal, D. D., a dh’eug an Antigonish an uiridh. Fhuair sinn an t-oran bho Uilleam Siosal a tha na mhaighstir-sgoile, ann a Heatherton. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 108] [Vol. 2. No. 15. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OCTOBER 14, 1893. Tha chuid a’s mo de na meinneadairean a bha nan tamh am Breatuinn an deigh dhol a dh’ obair a ris air an tuarasdal a bh’ aca roimhe; ach tha moran dhiubh a seasamh mach fhathast agus a feuchinn ri cach a chumail o’n obair cuideachd. Chan eil teagamh nach till iad so iad fein an uine ghoirid, ’s nach bi na meinnean uile air obair an ceann beagan sheachdainean Chan eil e ro choltach gu’m bi ’n corr mu dheaghinn cogadh eadar an Fhraing us Siam. Tha ’n Fhraing laidir, seach Siam ’s rinn i an cothrom sin a ghabhail oirre, ’s b’ fheudar do Shiam geilleadh. Rinn Breatuinn us rioghachdan eile ann an doigh shiobhalta na dh’fhaodadh iad gus an Fhraing a chumail gun a creachadh, ach rinn an rioghachd sin de chreachadh na bha sabhailte dhi dheanamh. Cha robh rioghachdan an domhain riamh uine fhada nan tamh no reidh ri cheile, ’s chan eil mor choltas air gum bi; tha e cho fior mu rioghachdan ’sa tha e mu dhaoine, a bheist a’s mo ag itheadh na beist a’s lugha ’sa bheist a’s lugha ’deanamh mar a dh’fhaodas i. Cha’n eil e cur ionghnadh mor sam bith oirnn daoine as na Staitean ’sa duthchannan eile ’san bi ’n teas ’s na meanbh-chuileagan a cur dragh orra a bhi tigh’nn air cuairt shamhridh do’n duthaich aginn fein, ach cha’n eil sinn a tuigsinn cia mar a bhiodh daoine cho deigheil air fuachd ’s gu’n rachadh iad a chur seachad miosan an t-samhridh an Greenland. Tha soitheach beag direach air tilleadh as an duthaich fhionnair sin le sgioba de dhaoine beairteach a bha air falbh fad an t-samhridh a gabhail a ghnothuich air an socair air falbh o shraoilich s o stuir nam bailtean mora. Tha iad a gabhail orra gu’n do chord an turus riutha gu fior mhath ’s tha iad a cur rompa dhol air ais air an ath shamhradh. A St. Ann’s. A Charaid Ionmhuinn.—Tha mi faicinn gu ’m beil duine us duine cur thugad dolar an drasda ’s rithist air son MHAC TALLA. Tha mise ma ta cuir thugad mo dholar fhein an duigh. Ged a bheirinn eidherap air beagan naidheachdan a chur thugad tha cho fada on nach do sgriobh mi guth Gailig us gur th’ann tha eagal orm a bhios mo litir coltach ri cuaran a Leoghasach—truimeach air thairreach—us nach dean thu fhein na duine eile a’ mach de bhios mi ag iarridh gus a radh. Mu chor na ducha cha neil moran agam ri radh co dhui. Mar tha fhios agaibh chean bha tiormachd an t-samhraidh cho mor us gun dhag e gach seorsa por fad air ais. Cha robh a feur dad na ’s troma, ach tha na th’ann deth na’s fhearr na bha e an urridh: Cha neil am buntata cho math an cumantas us a bha e an urridh. Cha do rinn na daolagan mor dheifir idir, ach thainig an dubhadh gle luath air an cuid dh’aitichean. Le fluichad an dh’foghar tha bhuain car fadalach aig cuid a dhaoine; ach tha anstarbhar gu math nas fhearr na bha e air a bhliadhna cheidh seachad. Tha cuisean gle fhad air ais ’s na Staitean am bliadhna. Tha moran do dhaoine og air falbh as an aite so muigh a sin, agus se cunntas bochd tha tighinn bhuath. Ach ged tha e duilich le muinntir bhi cluinntinn leithid sin do naidheachd ’s math leo iad bhi beo slan. Sann tha e duilich nuair thig naigheachd mhuladach am bais dachaidh, mar s minig tha tighinn anns na h-amannan tha so. Thainig naigheachd gruaimach de ’n seorsa sin dhachaidh de ’n coimhearsnach againn o chionn corr us mhios ma Alasdair Mac Amhlaidh, a dh’ eug am muigh ann an Colorado air an dara latha do cheud mhios a dh’foghar. Bu mhac e do Aonghas mach Amhlaidh anns a Gut a Tuath. Dh’fhalbh e o chionn beagan us bliadhna, us bha e na ghille og, tapaidh, coimhneil agus gle mheasail aig na h-uile bha eolach air. Cha robh e tinn ach coig latha. S’eiginn domh sgur a sgriobhadh air eagal us gu bi mo litir draghail duit. Ach ma bhios e draghail dhuit a clo-bhualadh tilg air falbh e, ach cuimhich nach tilg thu air falbh na dolair tha mi cur thugad uam fhein us o chairdean eile ann sa litir so. Sian leat a charaid an latha ’chl ’s nach fhaic. CEANN DUBH. St. Ann’s, Sept. 30, 1893. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 109] [Vol. 2. No. 15. p. 5] AM MOD GAIDHEALACH. Bha choinneamh mhor so air a cumail anns an Oban Di mairt, an darra latha deug de’n mhios s’a dh’fhalbh. Bha cuideachd mhor de dh’ uaislean s de dh’ islean a lathair. Ged a bha Mod na bliadhna ’n uiridh cho math ’s gu robh gach aon riaraichte leis, bha mod na bliadhna so na b’fhearr air a h-uile doigh. Bha am Morair Gilleasbuig Caimbeal, mac do Dhiuc Earra-Ghaidheal, anns a chathair, agus se tha gach aon ag radh nach robh fear-caithreach aig coinneamh riamh bu shunndaiche chuir a lamh ris an obair a bha ri dheanamh na esan aig a Mhod. Ann a fosgladh na coinneamh thug e iomradh air an t-soirbheachadh a bha leantuinn an lorg an saoithreach roimhe so agus a reir coltais a Mhoid am bliadhna gu robh an soirbheachadh ceudna gu bhi leotha ’na dheigh so. Thuirt e mar an ceudna gu’m faodadh e bhi nach b’ ann san Oban a bhiodh an ath Mhod, ach am baile eigin eile, ach ge be aite ’m bitheadh e, gu’n deanadh esan uile dhlchioll air a chumail suas. Dh’ fhosgladh an sin a choinneamh agus an deigh luchd na coimh-shreip uile chluinntinn bhuilich na breitheamhna na duaisean. Air son sgeulachd Ghailig, fhuair Iain Mac Faidein an Glascho a cheud duais agus A, Stiubhart, Gleann-liobhain an darra duais. Air son Eadartheangachadh o Ghailig fhuair Alasdair Stiubhart, Palmont, a cheud duais, agus Miss I. Nic Griogar, ’san Oban, an darra. Sgriobhadh Gailig,—Iain Mac-Ille-Dhuibh san oban a cheud duais. Rosg (prose) Gailig, Iain Mac Faidein, a cheud duais. Niall Ros, Gleanndail, an darra duais. Bardachd Ghailig,—Niall Ros, a cheud duais, Iain Mac Faidein an darra, ’s A Stiubhart, an treas, Labhairt earann de Ghailig,—Niall Ros, a cheud duais, Gillesbuig Munn, Oban, an darra duais. Leughadh Gailig,—Mr. Munn, a cheud duais, Niall Ros an dara duais. Coisir-chiul oigridh,—fhuair da choisir-chiuil san Oban a cheud san darra duais. Bha deich puinnd, us seachd puinnd gu leth air an tairgse mar dhuaisean air son seinn coisir-chiuil, agus bha barrachd othail air a dheanamh ri iad-san a chluinntinn na ri ni sam bith eile bh’ ac’ air a Mhod. Bha aireamh de choisirean a lathair agus b’ fheudar do na breitheamhna an cluinntinn uair us uair mu’m b’ urrinn daibh na duaisean a bhuileachadh le ceartas. Thugadh a cheud duais do choisir Chaluna Chille ’n Glascho, an darra duais do choisir an Obain, agus thug am Morair Caimbeal coig puinnd as a phoca fhein do choisir Bhailechulish. Bha duaisean eile air an toirt seachad air nach ruig sinn a leas iomradh a thoirt aig an am so. Thugadh na duaisean dhaibh-san a choisinn iad leis a Bhain-tighearna Chaimbeal. Bha coinneamh bliadhnail a chomuinn air a cumail aig deireadh a Mhoid. Bha ’m Morair Gilleasbuig Caimbeal air a chur a stigh mar cheann-suidhe air son na bliadhna. Thug an t-ionmhasair suas gu robh gach ni ceart a thaobh airgid, agus bha iad uile lan riaraichte leis mar a chaidh cuisean leis a Chomunn air a bhliadhna dh’fhalbh. Tha’n comunn deonach air an ath Mhod a chumail am Peart mo ’n Ionair-nis, ach mur a toir Gaidheil nam bailtean sin misneach gu leor dhaibh, bi’dh e san Oban air an ath bhliadhna rithist. ’San fheasggr chruinnich an sluagh do’n talla chur seachad uair no dha ag eisdeachd ri ceol, agus chuir iad an tim gu deagh bhuil. A bharrachd air na sheinn na coisirean-ciuil dhaibh, fhuair iad cuibhrionn mhath bho Sheonaid N. Nic Lachlinn a bha lathair, ribhinn og aig a bheil guth cho binn, ’s Gailig cho blasda ’s gu bheil i deanamh deagh bheolaind air seinn dain bhriagha na Gaidhealtachd anns gach cearna de’n rioghachd. Bha ’n comunn Gaidhealach air a chur air chois o chionn tri bliadhna, agus gu firinneach tha e deanamh obair mhath anns a Ghaidhealtachd le bhi dusgadh suas an t-sluaigh gu bhi faicinn an luach bu choir dhaibh a bhi cur air an canain agus air gach ni Gaidhealach. Tha runtan a Chomuinn mar a leanas agus, chithear gu soilleir gur e math an duthcha a tha ’m beachd nan uaislean aig a bheil an riaghladh. Tha MAC-TALLA a guidhe saoghal fada agus soirbheachadh math dhaibh fein ’s do’n Chomunn Ghaidhealach ’s do’n Mhod. RUNTAN. 1. Gu’m bi ceol agus litreachas na Gaidhealtachd air an cumail suas agus air an leasachadh, 2. Gu’m bi a’ Ghaidhlig air a teagasg anns na sgoilibh. 3. Gu’m bi Mod bliadhnail air a chumail, aig am bi duaisean air am buileachadh air son ciuil agus litreachais Ghaidhlig, agus air son oibre ealanta Gaidhealta. 4. Gu’m bi leabhraichean air an cur a mach bho am gu h-am de na sgriobhaidhean a choisinneas duais, cho mhath ri feadhainn eile a mheasar airidh leis a’ Chomunn. 5. Gu’m bi airgiod air fhaotainn a stigh a chum obair a’ Chomuinn a ghiulan air aghaidh. Air an fheill a bha’n Charlottetown cheannich Mr. D. J. Domhnullach, Bridgeport, paidhir de dh’ eich bhriagha dhubha air an d’thug e ceithir cheud dolar. Thug na h-eich so mach a cheud duais air an fheill air son a bhi na bu choltaiche ri cheile ’s na bu fhreagarriche air bhi ’g obair comhlath na paidhir sam bith eile. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 110] [Vol. 2. No. 15. p. 6] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Aig amaibh mar so mhol e sgil Tuigse gus fadheoidh an dubhairt iad ris: “Nach tusa an caiptein?” Ma’s tu carson tha thu cur de chomhairle ri Tusgse? Fhreagair Crlosduidh: Do bhrigh gu’n robh e maille ris ris mar neach a dh-altrumadh maille ris: agus b’ e a theachd gach le, deanamh gairdeachus’ na fhiannuis an comhnuidh. Is leisan comhairle, agus fior ghliocas; is leisan tha neart, that E treoiachadh ann a slighe firinteachd ann a meadhon ceumanna breitheanais, agus iadsan a dh-eisdeas ri ghuth meallaidh iad fabhar an Tighearna. Aig cluinntinn na’m brathran so bha iad na’n tosd; ach dh-oibrich a cheist aca mar beinn an inntinn chrosduidh: thoisich e air tuille earbsa chur na ghliocas fein-chuir e tuille siuil rithe, agus bha comh dhunadh do bhrigh gu robh a Soitheach a suibhal luath gu robh i suibhal gu fabharach, Mhair so re laithean araidh. Air do’n aimsir bhi breath air uairibh thuiteadh e na chadal air a chlar-uachdar agus air bhi aig, na bheachd fein, beagan ra dheanamh, bu tric rachadh e do’n t-seomar fo chlar far an d-rinn a bhean ’sa chlann gairdeachas na lathair. Air la araidh, chuir e seachad moran uine fo chlar, agus ged chuir Tuigse uair a’s uair fios thuige ga cheasnachadh, cha tug e suim dha sin; ach feuch gu h-obann chual e glaodh, “Fearann a’n ceann!” Ruith e suas agus thuair e Tuigse cuir na stiuir cruaidh ri fuaradh. Chaidh an Soitheach a thoirt mu’n cuairt agus thubhairt criosduidh gu muladach, “Tha mi air seachran a’ m-chunntas.” Dh-feoraich e de Thuigse ’n robh fios aige caite an robh iad agus thuair e ’m freagradh so: “Tha fior eagal orm gu bheil sinn ach beag air cladach Eilean Fein-Earbsa; agus mu’s ann mar so a tha, ceud gu leth mile as ar cursa.” Chriothnaich Criosduidh agus dh-irislislicheadh e an lathair Tuigse agus na maraichean. Bheireadh e an Saoghal gu leir na’n robh air eisdeachd ri comhairlean Tuigse; ach, bha e nis tuilleadh a’s anamoch. Minard’s Liniment, caraid nan tuatha ach Tha Gilleasbig Fenton, South Essex, Mass., a sgriobhadh;—Dh’fheuch mi iomadh seorsa leighis air son droch stamag, ach cha d’rinn aon diubh feum dhomh mar a rinn K. D. C. Chan urrinn domh gu leor a radh ga mholadh. Rinn e feum mor dhomhsa ’s do mhuinntir eile.” Cleachdidh dotairean Minard’s Liniment. TUILLRADH RIS AN AIREAMH.—Aig Baddeck, September 19mh la, rugadh do Thearlach Ros, Nrc; air an 20mh la, do Iain I. Domhnullach, mac; ’s air an 27mh la, do Nial Domhnullach, nighean. Iarr Minard’s Liniment, ’s na gabh an corr. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Cum Minard’s Liniment san tigh. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Ma tha thu saor o droch stamaig cha ruig thu leas eagal a bhi ort romh’n cholera. Saoridh K. D. C. thu o dhroch stamaig ’s o cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 111] [Vol. 2. No. 15. p. 7] BROSNACHADH GHALGACUIS. (Air a Leantuinn.) Ach an deigh so uile, co iad na Roimhich cumhachdach so? Co dhiubh a tha annta de no daoine b’asmhor mar sinn fein? Nach ’eil sinn a’ faicinn iad ciontach ann am mearachd, agus ann an laigsinn mar dhaoine eile? Nach ’eil sith ’gam fagail meath-chridheach? Nach ’eil saibhreas ’gan truailleadh? Nach ’eil iad a’ dol gu ana-bharr anns na dubhailcibh a’s duaichnidh, agus am faod sibh a shaoilsinn gu’m beil iadsan a tha comhsarraichte ann an dubhailc, sonruichte ann an cruadal cuideachd? Ciod, ma ta roimh am beil eagal oirnn? An innis mi dhuibh an fhirinn, mo chairdean? S ann a thaobh ar n-eas-aonachd eadaruinn fein a fhuair na Roimhich na h-urad cheannais oirnn. Tha iad a’ gabhail cliu daibh fein o dhroch ghiulan ’an naimhdean. Tha iad a’ dianamh uaill as na rinn iad fein, agus nan tosd mu na dh’fhaodamaid a dhianamh nan aghaidh, nam bitheamaid a dh-aon run. Co e am feachd ainmeil Roimheach so? Nach ’eil e air a dhianamh suas le shluagh bho iomadh duthaich; cuid ni ’s teomach air cogadh no dream eile; cuid ni’s murraiche na cheile air cruaidh chas fhulang. Tha iad fuireach comhla am feadh a tha a’ chuis a soirbheachadh leo. Thugaibh ionnsuidh ghreimeal orra; saraichibh iad, agus chi sibh gu’m bi sin am barrachd eas-aonachd nam measg-san, na tha ’san am so ’nar measg-ne. Am faod aon neach a shaoilsinn, gu’m bi daoine bho Ghaul, bho’n Ghearmailt, agus le naire canam e, muinntir Bhreatuinn fein, a tha gu nar mi-chiatach a co-aontachadh le luchd-spuinnidh na Duthcha. Tha mi ag radh, am faod aon neach a bharaluchadh gu’m beil iad sin air an cumail ri cheile le dillseachd agus carthannachd; cha-n ’eil, ’se eagal, ceangal na sith nam measg-san. Agus an trath sguireas geilt a dh’oibreachadh air inntinn a chumasg mhor shluaigh sin, bheir iadsan a tha an drasd fo eagal, fuath d’an an-tighearan an-iochdmhor. Tha air ar taobh-ne, gach ni is urrainn ar brosnachadh gu cruadal. Cha-n ’eil misneach nan Roimheach, mar ar misneach-ne air a dusgadh suas le eagal gu’n tuit ar mnathan agus ar clann ’an lamhaibh ar naimhdean. Cha-n eil ’athair no mathair ’an so aca mar tha againn, gu masladh a thoirt daibh ma threigeas siad iad nan sean aois. Cha-n ’eil tir aca an so gu cogadh as a leth. Cha-n ’eil annta ach co-chruinneachadh suarrach de choigrich, ann an duthaich, air a bheil iad aineolach; air an gearradh a mach bho ’n tir fein, air an iomadruideadh a stigh leis a chuan; agus tha dochas agam, air an toirt thairis dhuinne mar chobhartach, gun seol sam bith aca gu dol as. Na cuireadh fuaim ainm Roimheach faitchios oirbh; ni mo a chuireas dealradh lonnrach an oir na an airgid air an armachd sgleo air ar suilibh. Cha-n ann le or, no le airgiod, a lotar no a dhionar daoine; ged is ann le ’n samhuil sin a bhitheas iad nan cobhartach ni’s tarbhaiche dhaibh-san a bheir buaidh. Thugamaid gu misneachail an aghaidh air a phrasgan neo-aontachail so. Gheibh sinn am barrachd neart uapa fein. Fagaidh na Breatunnaich thruaillidh, a tha nam measg, a chuir cul ri leas an duthcha iad, agus thig iad d’ar n-ionnsuidh ne. ’Nuair a chuimhnicheas na Gaul air an t-saorsa a bha aca romh so, ’s gur iad na Roimhich a chuir gan di i, treigidh iad na h-ann-dlighich sin, agus cuiridh iad le luchd chothachadh na saorsadh. Leanaidh na Gearmailtich eisimpleir muinntir an duthcha, na Usipii, a dh’fhag o cheann ghoirid iad. Agus co roimh an sin a bhitheas eagal oirbh? Beagan de dhaighnichibh air an leth riaruchadh le freiceadan; beagan bhailtean, air an aiteachadh le daoine air an sarachadh agus air an claoidh: tha aimhreit a’ buadhachadh nam measg, ag eiridh o straichd an uachdaran, agus o cheann-laidiread nan iochdaran. Tha air ar taobh-ne armailt a dh’ aon run ann an aobhar an duthcha, am mnathan, an clann, am parantan aosda, an saorsainn, agus am beatha. Air cheann an fheachd so, tha dochas agam nach ’eil mi mi-mhodhail, nuair a their mi gu’m beil Ceann-feadhna, a tha ullamh chum gach comas a tha aige ghnathachadh, a reir mar tha iad, agus gu bheatha a chur an cunnart gar treorachadh gu buaidh laraich agus gu saorsadh. Cuiream a nis crioch air an earail so, a mhuinntir mo Dhuthcha, agus mo cho-luchd-saoithreachaidh, le chuir ’nar cuimhne, gur ann ri ar giulan air an latha an diugh a tha ar sith agus ar saorsadh ann an earbsa, no sibh a striochda do namhaid straiceil uaibhreach, leis gach dosguinn a bhitheas na cho-lorg. ’Nuair ma ta, a theid sibh an sas ann a cuimhnichibh air na daoinibh bho ’n d’ thainig sibh—agus smaoinichibh air bhur sliochd fein. Leighis MINARD’S LINIMENT druim ghoirt orm sa. An t-URR. UILLEAM BROWN. Leighis MINARD’S LINIMENT greim cluaise ormsa. MRS. S. KANLBACK. Leighis le MINARD’S LINIMENT droch sgamhan ormsa. MRS. S. MASTERS. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am “Politics.” Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 112] [Vol. 2. No. 15. p. 8] An Similair. Bha coinneamh-chonnsachidh aca ann an cearn air choir-eiginn de’n eilein so. Air oidhche araid ’s e a cheist a bh’ aca, co a’s fearr an similair no ’n stobh? ’S ann sa Ghadhlig a bha ’n connsachadh a dol air adhart. Labhir fear do ’m b’ ainn Ailain Mac-Gilleain air taobh an t-similair ann sna briathribh a leanas:— Mo shimilair gur laghach thu, ’S gur loinneil leam do dheann; Is tu nach fagadh tinn mi Ged a bhidhinn iseal fann. ’S ann thairneadh tu gach fotus bhuam Am mach ’measg cheo nam beann, Cha dug thu fath air gearan dhomh, ’S cha dealich mi riut ann. A bhocsa ghreannich iaruinn; Gur a h-iargainneach do ghreann Le t’ amhich chaoil gun eireachdas, ’S le d’ theine mugach, mall. Tha spogan dubha, lorcach ort, Mar mhathan olc nan gleann; ’S cha n-fhaigh mi dearsadh soluis bhuait Ged bhristinn riut mo cheann. An urrinn neach sam bith innse dhuinn cait an robh am fear a rinn na rannan so a fuireach? Nionag og an Or-Fhuilt Dhuinn. LUINNEAG. Nionag og an or-fhuilt dhuinn; Tha cainnt do bheoil na cheol ro bhinn; Thug t’ ailleachd barr air al gach linn, ’S gur mor ’tha loinn na firinn ort. Nuair a thanig mi ’n aite, Is mi fada bho mo chairdean, Fhuair mi uasal, suairce, cairdail Maighdean bhan nam miog-shuilean. Nighean an fhir ruaidh o’n Apuinn Air an taobh a tuath de’n aiseag, O ghleann uaine gorm nan gaisgeach ’Thogadh creach nan Liobhanach. Tha do chairdeas ri Gleann-Comhann ’S ri Glean-Cuaich’ an t-sluaigh neo-choihich, Cairdeas mor is sloinneadh domhinn; Co bu chomhnard sinnsre riut? Tha do ghruaidhean mar an t-siris, Suil mar dhriuchd air chul a ghlinne, T’ aghidh chiuin a giulan grinnis, ’S beul ’bu bhinne, shiobhalta, Chi mi thu mar chraoibh an garadh, Gach aon mheanglan ’s iad fo bhlath orr’, Druchd nan speur orr’ a dluth thearnadh, ’S eoin nam barr ri binn cheol dhuinn’. Ged a gheibhinn aois mo sheanar, ’S a bhi sgribhadh ’h-uile mionaid, ’N coigeamh trian cha deaninn aithris De mhaise na ribhinn ud. O’n Rudha Tuath. Fhir-dheasachidh ionmhuinn:—Chaidh iomadh latha seachad o n’ bha duil agam sgriobag a chur do ’ur n-ionnsuidh, agus gu cinnteach cha bhithinn gus a so gun sin a dheanamh, na’n saolinn gu’n deanadh mo chuid sgriobhidh comhnadh sam bith ribh anns an oidhearp chliu-thoilltinnich a tha sibh air a bhi toirt a chum a Ghaidhlig (a chainnt a’s fearr a th’ ann) a chumail suas. Saolidh mi na’m biodh na h uile ’tha comasach air a’ Ghaidhlig a leughadh, a’ deanamh a’n dleasanais a thaobh a MHIC-TALLA, nach tigeadh eis air ri’m beo, ach an aite sin gur ann a bhiodh e tighinn air adhart ann a meudachd, ’s a ghuth a dol ni’s treise, air chor ’s nach biodh Gaidheal air aghaidh na cruitheachd nach cluinneadh e le aoibhneas. Tha mi ’n nochas gu’m bi a’ luchd-gabhail a sior dhol ni’s lionmhoire, gus am bi gach teaghlach Gaidhealach air taobh thall ’sa bhos a chuain ’ga fhaotinn, ach a mheud dhuibh ’s nach cuir Gaidheal no Gaidhlig sent as an cuid sporain. Bha tuil mhor uisgeachan againn air an t-sabaid sa chaidh. Ghiulanadh air falbh da dhrochaid leatha ’s rinn i moran millidh air muillean-sabhaidh Mhurachidh Dhomhnullich. Dh’eug Iain Mac-Illinean, aon de eildeareabh a chothionail so, o chionn seachdain. Dh’fhuiling e moran re na h-uine ghoirid a bha e tinn, ach bha e striochde do thoil an Tighearna. Chan aill leam an litir so ’dheanam fada, ’s mar sin criochnichidh mi. Slan leibh. Is mise mo charaid dileas. M. D. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. [TD 113] [Vol. 2. No. 16. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 21, 1893. No. 16. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac achuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha fios a Montreal ag innseadh gu bheil Sir Iain Abbott, a bha beagan uine na phriomhair air Canada, gu tinn, cho tinn ’s nach eil moran coltais air gun teid e ’m feabhas. Dh’eug Iain Mac Fhionghain, duin’ og a mhuinntir a Bhai-n-Iar ann an ospidal am Boston, Di-ciaduinn air an t seachdain s’a chaidh. Bha e na fhear-frithealaidh ann san ospidal agus cha robh e tinn ach beagan laithean mu’n d’eug e. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh. Tha bean ghasda de’n ainm Henderson a cur seachad laithean a sean aoise aig Alberton, E. P. I., aig a bheil da dhuine dheug cloinne, tri fichend ’sa sia deug de dh’oghaichean, ochd fichead ’sa deich de dh’iar-oghaichean [?] triuir dh[?] oghaichean; no aireamh a sliochd gu leir, da cheud, tri fichead ’sa h-aon. Bha side gle bhriagha aginn air an t-seachdain so. Ged a bha moch us anmoch gu math fuar bha chuid eile de’n latha blath gu leor, agus, rud a’s fearr a chordas rinn mu’n am so ’n bhliadhna, bha turadh ann. Cha’n eil teagamh nach e so toiseach na h-aimsir ris an canar Samhradh beag nan Innseanach. Rinneadh call gabhaidh leis an stoirm ann an Louisiana toiseach a mhios so. Tha iad a deanamh a mach gu’n do chaill corr us da mhile am beatha, agus gu’n do chailleadh fiach muillein dolar eadar taighean a bhristeadh agus barr a bha air a mhilleadh. Tha na miltean gun bhiodh no deoch aca, agus tha e na ni cumanta clann bheag fhaicinn a dol mu’n cuairt ag iarridh greim a dh’itheas iad. Tha cogadh a dol air adhart an ceann a tuath Africa eadar na Moorich, treubhan leth-fhiadhaich de na naisinnich agus na Spainntich, aig a bheil coir air Morrocco. Air an t-seachdain s’a chaidh thug na Moorich ionnsaidh air gearasdan beag de shaighdearan Spainnteach a sgrios, ach fhuaras le cruaidh-obair an ruagadh air falbh. Cha’n eil fhios de fhad ’sa dh’fhaodas an cogadh leantuinn, ach cha’n eil teagamh sam bith nach tig na Moorich gu striochdadh luath no mall. Bha ’m barr gu math trom ’san eilean so am bliadhna ach leis cho fliuch ’sa bha chuid mu dheireadh de’n fhoghar cha d’ fhuair na tuathanaich a thiormachadh ’s a thionail a stigh cho math ’sa dh’ fheumadh e. Chan eil curam sam bith orra, dh’ aindeoin sin nach bi pailteas bidh aca da’n cuid spreidhe air a gheamhradh a tha nise gu math faisg air laimh. Tha fear Hooper anns a phriosan an Ont., an drasda air am bheileas a fagail gun do phuinnseanich e a bhean. Bha bhean as a rian agus chuir e do thigh caothaich i, ach an ceann beagan uine, thug e as i ’s nam b’ fhior dha fein bha e dol ga cur do thigh eile. Dh’ fhalbh e leatha, agus air an rathad dh’fhas i tinn ’s an ceann uair no dha bha i marbh. Tha duin-uasal da’n ainm P. O’Rafferty a fuireach ann am baile beag faisg air Montreal ris an [?] Hochelaga, agus tha e ’n deigh da cheud tunna de thalamh a thoirt a nall a Eirinn. Leis an talamh so tha e ’deanamh garadh anns a bheil e dol a phlanntachadh chraobhan us fhluraichean briagha, ’s nuair a bhios gach ni na aite fein, bheir e mar ainm air “Garadh Eden.” Tha gnothuichean gle fhad air ais anns na Staitean aig an am so. Tha chuid a’s mo de na meinnean air an dunadh suas, tha oibrichean eile na’n tamh, no gle fhaisg air, agus tha na miltean de luchd oibreach aig nach eil cuirean ri dheanamh. Tha Cleveland ’s an fheodhain eile ’tha ’gabhail orra bhi giulain gliocas nan Staitean uile nan cinn fein, nan suidhe o chionn mios no dha dh’ fheuch de dh’ fhaodas iad a dheanamh a thaobh an luach is coir a bhi air a chur air an airgiod. Tha Cleveland ’sa phairtidh a deanamh a mach gur coir do ’n luchd-riaghladh scur de chuinneadh an airgid aig an am so, ach tha moran eile air atharrachadh beachd, agus air an aobhar sin tha na coinneamhan aca a tarruinn moran uine, tha moran air a radh leo, agus fior bheagan air a dheanamh. Tha ’n t-eas-aontachadh so a thaobh cuinnidh an airgid an deigh call a dheanamh cha’n ann a mhain air na Staitean, ach ann an tomhas mor air duchannan eile mar an ceudna; bhiodh e uime sin na ni gle mhath do’n t-saoghal air fad nan deanadh seanairean agus daoine glice nan Staitean beagan cabhaig. [TD 114] [Vol. 2. No. 16. p. 2] PRIOMH-SHLUAGH NA H-ALBA. LE AONGHAS MAC COINNICH. Cha ’n ’eil e comasach a dheanamh a mach le cinnteas ciod t-am de eachdraidh an t-saoghail ’s an tainig daoine do na h-eileanaibh Breatunnach an toiseach. Chaidh, gu dearbh, moran a sgriobhadh, araon ’an Alba ’s an Sasunn o shean, le cuid a bha ’gabhail orra ’bhi lan fhiosrach air a’ phuinc so, agus a chaidh co fada ri bhi ag innseadh ainm a’ cheud righ, no na ceud ban-righ a bh’ air Alba. Ach tha luchd-eachdraidh ar la-ne ’faotainn a mach gu bheil cunntasan an luchd-seanachais ud, le beagan criathraidh, a’ tuiteam gu lar, seadh nach feudar creideas sam bith a thoirt doibh. Gidheadh cha’n-eil aobhar sam bith a chur an tegam, nach tainig clann-daoine gu maith moch gu bhi ag aiteachadh tir-mor na Roinn-Eorpa, ri oir thir na fairge, araon air an taobh sear ’s air an taobh siar. Bha Noah beo 350 bliadhna an deigh na tuile; agus tha e coslach gu’n robh an talamh air a roinn leis eadar a chuid mac ’s an sliochd roimh am a bhais, ni a tha Eber, an seathamh pears’ o Shem, a’ cur ’an cuimhne leis an ainm a thug e air a mhac fein, Peleg, ged nach do sgaoil iad o cheile gu began uine an deigh sin, ’n uair a leig iad diubh togail Bhabeil. Chuir sliochd Iapheit, an deigh an sgapaidh a bh’ an sud, an aghaidh air eileanaibh nan cinneach, a reir a chrannchuir a thuit orra roimhe sud. Agus o nach robh leithid de ni is cabhlach air domhan ’s na h-amaibh ud, tha e furasd’ a chomh-dhunadh gu’n trialladh iad air an socair troimh ’n Asia Bheag, ri cois na mara, ’n am buidhnibh fo na cinn-fheadhna roghnaich iad fein, gus an ruigeadh iad an caolas ris an abrar, Bosphorus, eadar an Asia Bheag ’s an Roinn-Eorpa, a tha co cumhang ’an cuid de aitibh ’s gu ’m feudadh daoine labhairt r’a cheile o gach taobh dheth air la feathach. Cha bhiodh doirbheadas sam bith, eadhon aig a’ cheud luchd-turuis, ann am faighinn thairis air a’ chaolas so. Aon uair ’s g’un faigheadh iad cas air tir ’s an Roiun-Eorpa, dheanadh iad an ath sgapadh; aon bhuidheann a’ dol an ear ri oirthir na Mara Duibhe, ’s an ceann beagan uine troimh ’n duthaich gu ceann na mara sear, gus an ruigeadh iad an Spainn ’s an Fhraing ’an uine nach biodh fada; na h-uile ceum ri cois na marra. Nis, ’n uair a bheirear fainear cia co luath an deigh Tur Bhabeil ’s a tha luchd-eachdraidh air taobh siar na Roinn-Eorpa, ri cois Muir Meadhontire, tha e sabhailte gu leoir a radh gu’n robh luchd-aiteachaidh air taobh tuath na Spainn ’s na Frainge mar a b’ fhadalaiche 200 bliadhna an deigh na h-oibre ainmeil a bha ’n sud. Agus o’n a tha caolas na Frainge co cumhang ’s gu’n deanadh eithear gle shuarrach e ann an greis de la samhraidh, cha bhiodh iad uine sam bith gu’n tighinn a nail a dh’fhaicinn ciod an seorsa duthcha bha’n sud a tuath orra; agus mar sin sgaoileadh a’ chuid ’s a’ chuid o cheann gu ceann de’n eilean, ’s o thaobh siar an eilein tarsuinn gu Eirinn. Nis ma tha ’n co-dhunadh so cothromach, bheireadh e dhuinn mu’n cuairt do dha mhile bliadhna re an robh luchd-aiteachaidh ’m Breatunn, ’s gun an t-iomradh is lugha, de nadur creideasach, againn air cionnas a bha iad beo ann, no ciod a’ ghne caitheamh beatha a bh’aca. Bu linnean dorch’ iad sud da rireadh,—dorcha ’s na h-uile seadh—re an robh aon ghinealach a’ siubhal, s’ ginealach eile a’ teachd an deigh a’ cheile, mar na fheur machrach no mar dhuilleach nan craobh, gun eadhon beul-aithris fein a bhi ’tilgeadh uiread is gath soluis leis am faiceamaid cionnus a bha ar sinnsearan a’ caitheamh am beatha, no air an riaghladh, agus a reir coslais, nithe gu leantuinn mar so, gus mu dheireadh thall ad de smuainich an t-Impire Romanach air tighinn a nall a dh’fhaicinn cionnus a bha dol doibh. Ach ged nach ’eil aon chuid beul aithris no eachdraidh sgriobhta ’toirt cunntas sam bith mu cheud luchd-aiteachaidh nan duthchanna so, gidheadh tha daoin’ eolasach a’ foghlum ni eigin de ’n doigh bhi-beo a bh’aca le bhi cladhach anns an talamh. Tha luchd siubhail fad ’us farsuing, air muir ’s air tir, ag innseadh an doigh a bh’ aig Innseanach nao-challaichte cinn a tuath America, ’an toiseach na linn so, mur ’eil gus an la ’n diubh, air gearradh na craoibhe dheth am bheil e ’dol a dheanamh Canu, no feum sam bith eile timchioll air a ghne ionaid taimh a th’aige. Fadaidhidh e teine ri bonn na craobhe, ’s an uair a bheir e lathrach innte sgriobaidh e ’n sin air faibh le ’thuaigh-chloiche na bhios air a ghualadh dheth ’n chraoibh, ’s cuiridh e ’n teine ris rithe’ ’s bithidh mar sin greis mu seach aige ga losgadh, gus an tuit i le ’cudthrom fein. Gabhaidh e ’n rian ceudna gu ’gearradh ’s an fhad iomchuidh, ’s anns na h-uile car eile a dh’fheumar a dheanmah timchioll oirre gus am bi i ullamh air son an uisge ghabhail leatha. Agus ’s ann direach mar so a bha seann luchd-aiteachaidh Bhreatuinn, ’s na ceud linnibh, a’ gearradh an cuid fiodha, ’s a’ deanamh an cuid eithrichean. Fhuaradh eithear beag mar so o cheann tearc bhliadhnachan air taobh deas amhuinn Chluaidh, ’n uair a bha iad a’ cladhach air son port Ghlascho fharsuingeachadh. Tha i air a cladhach a mach a aon mhaide daraich, le teine ’s le tuaigh chloiche, mar a tha na comharraidhean a tha oirre gus an la’n diugh a’ dearbhadh. Fhuaradh moran eithrichean eile cosmhuil rithe so ’an aitibh eile de Alba, co maith is timchioll air Glascho. Bha ’n seana Bhreatunnach mar an ceudna a’ cleachdadh an inneil ud mar thuaigh-chatha. Fhuaradh o cheann ghreis Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. [TD 115] [Vol. 2. No. 16. p. 3] ciste-laidhe de chloich, air nach robh obair ghrinn, fo charn mor ann am monadh, ’an ceann a deas Alba. Anns a’ chiste bha cnamhan duine de mheucachd neo-chumanta. Bha aon d a ghairdeanan ach beag air a sgathadh o’n ghualainn. Bha pronnag de chloich gle chruaidh a’ leantuinn ris a’ chnaimh sgaithe. Thugadh am buile a rinn an obair ud le tuagh chloiche. ’Nuair a sheall am fear a bhuadhaich ’s a’ chomhrag air a thuaigh chatha an deigh dol dachaidh, chunnaic e gu’n robh i gu maith cabach leis an sgealb a dh’fhalbh as a faobhar. Tha n sgealb ud a’ tighinn an aird, an deigh miltean bliadhna dhol seachad, a dh’innseadh a seanachais fein. Tha mar an ceudna cinn shaighdean a bha air an gearradh a ailbhinn dheirg aig a’ chrann treabhaidh ’g an dusgadh suas ’an iomadh aite dheth ’n duthaich. Tha iad ’an cuid de aitibh co lionmhor ’s gu bheil e soilleir gu ’n do choinnich cuid de na treubhan a’ cheile gu comhrag air an lathraich. Tha mar an ceudna cinn shleaghan, ’us sgeanan ailbhinn ’g am faotoinn ’s an talamh o am gu h am ’an caochladh aitibh de’n duthaich. Their seanachaidhean an Linn Chloiche ris na h-amaibh ud ’s an robh ar sinnsearan a’ gnathachadh uidheam ’us armachd chloiche. Nis cha ’n urrainnear a thighinn ach gu aon cho-dhunadh a thaobh an loin a bha iad a’ cleachdadh ’s na h-amaibh ud. Ge b’e sam bith deargadh a dheanadh an tuagh no ’n t-sleagh a bha ’n sud air feoil, cha deanadh e dad sam bith air tionndadh talmhainn leo, no leis a’ mhaide dharaich air am mo a b’ urrainn e a chur de fhaobhar; ’s mar sin gur i cleiteag gle bheag fearainn a bhiodh aig an tuathanach bu dichiollaiche ’n am measg, ’s mar bu trice nach biodh iad a’ stri ri fearann idir, ach gu h-iomlan an urra ri measaibh fiadhaich nan craobh, ’s na ghlacadh iad de iasg air aimhnichibh, bliochd ’us buannachd eile an cuid spreidhe, ’s feudaidh e bhi, ni’s mo na riu sud uile, eunachd ’us fiadhach nam beann. Agus mar a bha moran de’n duthaich comhdaichte le coille o shliabh gu sal, ’s nach robh an luchd-aiteachaidh ro lionmhor, bhiodh an t-sitheann gu maith pailt. Cleachdidh dotairean Minard’s Liniment. Bha duine air a thoirt gu cuirt am Montreal an la roimhe air son cairteal dolair a ghoid air tuathanach a bha stigh sa bhaile. Bha so doirbh a dhearbhadh, agus bha lan dhochas aige gu’m faigheadh e ma sgaoil. Thug e seachad mar leisgeal air son gluasad amhrusach sam bith a rinn e, gu robh e air mhisg aig an am. Thuirt am breitheamh ris an siu nach toireadh e binn sam bith a mach air air son na meairle, ach gu’n toireadh e dha sia miosan dhe’n phriosan air son a bhi air mhisg. Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB IV. Bha ’n t-eilean “Fein-Earbsa” air a chomharrachadh “Cunnartach” anns’ chairt-iuil. Bha cnoc ard na mheadhon da m’ aim Fein-Ghloir, o’n d-thainig sgal gaoithe gu h-obann, ’na acairsaid—da’n gairmte—Bagh-na-Bosd, bha creagan folaichte dh-ionsuidh robh sruth laidir a ruith; agus ged bha ’n t-Eilean taitneach do’n t-suil, bha e sgriosail dha moran mharaichean. Nuair chnuasaich Criosduidh a chuis gu math, thuair se e fein ann an droch staid; ach cha do dhiobair mhisneachd e, agus a dh-innse na firinn, cha robh e fior dhuilich airson tighinn gu Fein Earbsa. Rinn a’m boltrach cubhraidh agus ceilearan na’n eun iarratach dhol air tir ach fathasd cha b-fhiosrach e nach robh na craobhan a giulan ach duilleach a mhain. Bha na sruthanna uisge milis do’n bhlas, ach puinnseanta, agus anns a choill chrub nathrichean agus fiadh-bheathaichean. Dh’innis Tuigse mar an ceudna do chriosduidh gu’m buineadh an t-Eilean dha fear cladhach uaighean araidh da m’ ainn n’ t-seann nathair, neach bu sheolta, ach a neach bu mharbhtaich, de dhaoine, a gabhail tlachd ann bhi marbhadh mharaichean agus a tilgeadh a’n cuirp mhairbh mach air a chliathaich. An sin ghabh Criosduidh eagal, an tuille fos do bhrigh gu’n d-sheid a ghaoth dh-ionnsuidh Fein-Earbsa. Chuimhnich e nis air na briathran tha sgribhte: “Tha an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e do-leigheas; co is urrainn a thuigsinn?” Mar an ceudna; Is malluichte an neach a chuireas a dhochas ann an duine, agus a ni feoil na gairdean da, agus aig am bheil cridhe tha claonadh air falbh o’n Tighearn. Oir bithidh e mar phreas seargta san ionad sgaoilte, nach mothaich am maith an uair a thig e; ach a ta ’g-aiteachadh ionada loisgte an fhasaich, fearainn gun toradh agus gun chomhnuidh. Dh’feuch Criosduidh ri dhol seachad air an Eilean, ach bha na gaothan a’n ceann; le cridhe dubhachn dh-aith o ’n acair a chur a mach: (Ri Leantuinn.) Leighis MINARD’S LINIMENT druim ghoirt orm sa. An t-URR. UILLEAM BROWN. Leighis MINARD’S LINIMENT greim cluaise ormsa. MRS. S. KANLBACK. Leighis le MINARD’S LINIMENT droch sgamhan ormsa. MRS. S. MASTERS. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 116] [Vol. 2. No. 16. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OCTOBER 21, 1893. Na Coinnimhean Gaidhealach. Scottish Highlander. Bha da chruinneachadh sonruichte ’am measg na coinneamhan Gaidhealach (agus bu lionmhor iad) a chaidh ’chumail re mhios so a tha direach air falbh. B’ iad so co-thional Muinntir an Fhearainn, ann an Glaschu agus Am Mod Gaidhealach anns an Oban. Is math an comharradh e air staid dhochasach anns a bheil na Gaidheil an drasd—an leithid so de choinneamhan a bhi aca airson an coirichean fein a chur an ceill agus an canain aosda ’chumail beo; ach aig an aon am feumar aideachadh nach ’eil na cuisean gu leir mar bu mhath le neach aig a bheil fior speis d’ a dhuthaich ’s d’ a chanain. A thaobh a mhoid thugamaid comhairle cairdeil do’n mhuinntir a tha os ceann nan gnothaichean, gun a bhi cumail an ath-choinneimh bhliadhnail anns an Oban air eagal gu ’m biodh barail cuid dhaoine air daingnicheadh, ann a bhi creidsinn gu ’m b’ ann airson buannachd a ’bhaile sin a mhain a chaidh an Comunn Gaidhealach chur air chois. Cha ’n e sin ar beachd-ne agus tha sinn an dochas gu ’n cum an Comunn ri an ciad ghealladh nach gleidheadh iad Am Mod Bliadhnail ann an aon aite da bhliadhna an deigh cheile. Mi bhios aite freagarrach a dhith far am faighear moran Ghaidheal agus pailteas airgid carson nach teid ar cairdean gu Glaschu? Tha ’m facal dealachadh cho mor ann ar cluasaibh aig an am so ’us nach bi iongantas air duine air bith a bhi cluinntinn mu dhealachadh eadhon ann an Comunn an Fhearainn. Co dhiu is fhearr dealachadh na sior dheasboireachd agus theagamh gu ’m bi e ’na bhuannachd do na croiteirean da chomunn a bhi stri an aghaidh an naimhdean an ait aon chomunn ’us na buill dheth an aghaidh a cheile. Thugadh gach fear dhiu, ma ta, gun dail ainm fein mar bhall do’n chomunn sin a mheasas e ni’s fhearr, agus a reir ar barail-ne se sin an comunn a tha ni ’s coltaiche ris a chomunn a bh’ againn aig toiseach a’ ghluasaid nuair a fhuaradh gach buaidh us leasachadh a’s airidh air ainmeachadh. Tha ’n sean bhratach a nis air a togail le na ceart daoinibh a thog i air tus; leanadh na croiteirean i agus gheibh iad buaidhean eile. Tha co-thional a Bhais’n-Iar an deigh gairm-a thoirt do’n Urr. A. Mac-ille-mhaoll a tha ’n drasda air a shuidheachadh am Malagawatch. Chuir tri eildearan deuga, ochd fichead sa coig deug de luchd-comanaich, a bharr air ochd fichead sa coig deug eile, an ainm ris a ghairm. Tha Mr. Mac-ille-mhaoil na shearmonaiche taitneach, agus ma gheibh muinntir a Bhai-’n-Iar e, gheibh iad deagh mhinistear. CEIEHIR LATHA DEUG.—Bha Padruig air a thoirt gu cuirt air son fear de na maoir a bhualadh agus thug am breitheamh dha ceithir la deug priosain. A cheud latha dh’fhan e gu samhach, socair gus ’n do dhorchaich an oidhche, agus an sin thoisich e air bualadh an doruis, agus ’nuair nach robhas a toirt feairt air ghabh e na breaban dha. Thanig fear a phriosain far an robh e, ’s dh’ fheorich e de bha na bheachd. “Nach eil mi,” arsa Padruig, “air son a dhol dhachaidh.” “Air son a dhol dhachaidh!” arsa ’m fear eile, “A dhuine gun tur, ciamar a tha thu ’dol dhachaidh ’s agad ri bhi ceithir latha deug ’sa phriosan.” “Tha fhios ’am fhin air sin,” arsa Padruig, “ach c’aite bheil mi gu bhi air an oidhche?” Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile. Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: I. M. Mac Isaic, River Bourgeois. A. N. Mac Amhlaidh, New Boston. I. D. G. MacNeill, Acarsaid Chloinn Fhionghain. Bean Neill ’Ic ’Ille-mhoir, Salem Road. Aonghas Mathanach, N. Gut, St. Ann’s. Catriona Nic Ille-mhoire, do. M. B. Mac Aoidh, do. Seoras Mac Leoid, St. Anns. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit. Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove. Calum Mac-ille-ghuirm, Valley Mills. An t-Urr H. P. MacPhearsain, W. Arichat. Iain D. Mac Dhughail, Sowerby, Ont. D Mac-ille-ghuirm, Bridgeville, N. S. Calum Mac Leoid, Q, C, Ch’tn, P. E. I. Aonghas Mac Fhearghais, Newark, N. J. Tuilleadh anns an ath aireamh. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 117] [Vol. 2. No. 16. p. 5] NA TAILLEARAN. LE IAIN. THA e coltach gur i ’n taillearachd an dara ceaird cho sean ’s a th’ air an t-saoghal. Ach ged a tha i ’na ceaird shean agus ’na ceaird fheumail agus mheasail ’san am a tha lathair, cha robh na Gaidheil ’san am e dh’ fhalbh ag amharc oirre mar cheaird mheasail idir. Co nach cuala na facail so— “Cha bu duine taillear, ’S cha bu duiue dha dhiubh; Chuireadh am fitheach le creig Tri fichead ’s a dha dhiubh.” Tha e coltach gu robh na Gaill iad fhein ann an tomhas de’n cheart bheachd; oir theireadh iad nach robh ann an taillear ach an naothadh cuid de dhuine. Bha aobhar aig na daoine a bh’ ann o shean air a bhith ag amharc sios air na taillearan. Tha sinn a’ creidsinn nach robh na taillearan, mar luchd-ceairde, air dheireadh ann an ni sam bith air luchd-ceairde eile na duthcha. Bha iad cho firinneach ’s cho onarach, cho measail ’s cho cliuiteach, cho glic ’s cho deanadach ris a’ chuid eile de shluagh na duthcha. Ach o ’n a dh’ fheumar aideachadh gu robh mi-mheas air an taillearachd mar cheaird, feumaidh sinn fios an aobhair air son an robh so mar so fhaotainn a mach. Cha ’n ’eil so cho duilich ri ’dheanamh ’s a shaoileas cuid. ’S an aimsir a dh’ fhalbh b’ ann le neart agus le treubhantas a bha an earran bu mho de na Gaidheil ’gan cumail fhein agus an teaghlaichean suas. A h-uile fear bu treise ’s bu treine ’s ann air bu mho a bha de mheas. Cha ghabhta anns an t-saighdearachd ach na daoine a bha mor, laidir, deas, dealbhach. Cha deanadh fear sam bith feum anns a’ bheinn-sheilg ach fear a bhiodh luath, laidir. An am a bhith ’marbhadh nam breac ’s nam bradan air an amhuinn, b’ e ’n duine mor, laidir, a sheasadh ri fliuchadh ri fuachd ’s ri anastachd, a dheanadh feum. A dh’ aon fhacal, b’ iad na daoine a dheanadh obair chruadalach sam bith a thigeadh ’nan rathad air an robh meas aig a’ chuid mhoir de’n t sluagh ’san am ud. Ged nach robh na daoine beaga, meata breoite cho fior lionmhor ’san aimsir a dh’ fhalbh ’s tha iad ’nar latha-ne, bha aireamh ann dhiubh. O nach rachadh aca so air am beo-shlainte a thoirt a mach le treubhantas, agus le gniomharan cruadalach air muir no air tir, dh’ fheumadh iad obair no ceaird eiginn a roghnachadh leis an rachadh aca air iad fhein a chumail suas. Cha robh ceaird sam bith a b’aotruiume air duine beag, lag, meata na ’n taillearachd. Cha ro siosar is meuran is snathad aon chuid trom ri ’n giulan o thaigh gu taigh, no o bhaile gu baile, no idir duilich ri ’n oibreachadh. Mar sin, b’ iad na taillearan mar bu trice daoine cho beag ’s cho meata ’s a gheibhteadh eadar da cheann na duthcha. Gus o chionn ghoirid, agus ann an iomadh aite, is docha gus an latha ’n diugh, b’ ann gle ainneamh a gheibhte duine og a bhiodh deonach a dhol a dh’ionnsachadh na taillearachd. Ach b’ fhearr leis na h-uile fear a dhol a dh’ ionnsachadh na taillearachd na dhol a dh’ ionnsachadh na breabadaireachd, nam b’ eiginn dhaibh roghainn a dheanamh eadar an da cheaird. Tha corr is ceud bliadhna o nach do shuidh firionnach a dh’ fhighe air beairt eadar caolas Bharraidh agus caolas Bhearnaraidh. Bha ’leithid de dhimeas air fear a bhiodh ’na bhreabadair ’s gu robh naire air daoine iomradh a thoirt air an ainm. Nam b’ eiginn dhaibh iomradh a thoirt air, theireadh iad, “Breabadair, le cead na cuideachd.” B’e so a’ cheaird mu dheireadh anns an cuireadh duine sam bith aig am biodh meas air fhein a lamh. Bha na greusaichean beagan ni bu mheasaile mar luchd-ceairde na na taillearan. Cha mhor spionnaidh a dh’ fheumadh fear a chur an ceill an am a bhith ’deanamh bhrogan Gaidhealach. Cha bhiodh aige ach an iall a tharruinn le a leith laimh troimh tholl a’ mhinidh. Anns an am ud cha robh daoine a’ cur a’ bheag a dh’ fheum air brogan, agus o ’n a b’ ainneamh le daoine laidir a bhith ’g iarraidh bhrogan dionach, dh’fhaodadh an greusaiche toll a dheanamh do ’n eill a bhiodh cho farsuinn ’s gu ’n tarruinneadh e troimhe i gun stri sam bith. Anns an am air am bheil sinn ag iomradh cha robh na greusaichean anns a’ Ghaidhealtachd suas ri deanamh nam brogan le sreing ’s le rosaid—no mar a theirte riutha, “na brogan Gallda.” Agus o’n a bha ’chuis mar so, dheanadh duine beag, breoite, meata, greusachd cho math ’s a dheanadh e taillearachd. A reir choltais nach robh meas mor anns an am ud air ceaird no air gairm sam bith a rachadh aig daoine air a dheanamh anns na taighean. Dearbhaidh an rann a leanas so— “Fidhlear is taillear is cat, Breabadair is greusaiche ’s muc, Maighstir-sgoile ’s cearc.” Cha ’n ’eil e duilich dhuinn an t-aobhar a thuigsinn air son an do chuireadh na tri chomuinn so cuideachd. Dh’ fheumadh am fidhlear a bhith aig a’ bhlaths, a chionn nach freagradh fuachd no fliuchadh air an fhidhill. Cha b’ ionnan is “piob mhor nan coig dos,” a sheasadh ri fuachd agus ri fliuchadh, agus a chuireadh brosnachadh anns an t-saighdear an am dha bhith dol do ’n chath. Cha chualas ceol na fidhle riamh ri aghaidh blair. ’S ann a tha i ’n comhnuidh far am bheil sith agus solas agus toil-inntinn. Dh’fheumadh an taillear a bhith faisge air an teine a chum e fhein agus an t-iarunn taillearachd a chumail blath. Bha tlachd aca riamh a bhith dluth air a’ bhlaths. Mar a thuirt fear a bha ’deanamh orain do thaillear— “Culaidh-fharmaid an t-saoghail, Fear nach saothraich aig fearann; Leithid Eobhainn Ruaidh thaillear ’S a shailean ri teine.” Bhiodh an cat ’na shuidhe an oir an teine mar bu trice, agus o’n a b’ e’ cheaird a bhith ris a’ mheirle cha ro mor mheas air idir. Bhiodh am breabadair salach le armadh an t-snath a bhiodh e fighe, agus bhiodh an greusaiche mar an ceudna salach le oladh an leathair; agus air an aobhar sin chuireadh an comunn ris a’ mhuic iad. Chuireadh am maighstir-sgoile agus a’ chearc ann an cuideachd a cheile a chionn gu robh daoine ’s an am a’ creidsinn nach freagradh fliuchadh air maighstir-sgoile ni’s mo na fhreagradh fliuchadh air circ. (Ri Leantuinn.) ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’ aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 118] [Vol. 2. No. 16. p. 6] Litir bheag a Gleann-a-Garraidh. A Charaid,—Tha an da dholar a tha ’sam litir so air an cur ad ionnsaidh le dithisd chairdean a bhios ann ad chomain air son am MAC-TALLA chur d’an ionnsaidh cho luath sa bhios e goireasach dhuit. Tha cuid de na tha faighinn a MHAC-TALLA ann sa choimhearsnachd so an deigh dhaibh fein a leubhadh ’ga chur gu feadhainn eile a dh’ fhaodas a bhi toilichte fhaicinn agus cur ’ga iarraidh air an son fein mas math leo e. Tha’n sean-fhacal ag radh gur fearr an t-olc a chluinntinn na fhaicinn, ach tha mi a saoilsinn gu’m beil e air mhodh eile mu’n MHAC TALLA, gur fearr fhaicinn na cluinntinn mu dheaghinn. Tha sinn ro thoilichte bhi faicinn moran dhaoine urramach ann an iomadh aite air tighinn gu bhi ’gad chuideachadh le’m pinn ’s le ’n eiseamplair ann a bhi ’cumail suas na Gailig. Tha moran a dh’ oigirdh an aite so a bhruidhneas Gailig meadhonach math, ach dha nach aithne Gailig a leubhadh, agus tha mi smaointeacbadh gu’n cuidicheadh am MAC-TALLA iad gus am foghlum sin fhaighinn, rud nach deanadh call sam bith dhaibh, ach a dh’ fhaodadh a bhi feumail dhaibh iomadh uair nach saoileadh iad. Chi thu ainm nan daoine aig am bheil duil ris a MHAC-TALLA bhuat aig bonn na litreach. Slan ieat a h-uile latha. Do charaid, AONGHAS MAC-ILLE-MHAOIL. An Lagan, Ont,. Oct. 10, 1893. DUINE SUARACH.—Fhuair sinn sgeula bheag o charaid an la roimhe, agus ’se ar barail gur e ’m bodach mu’m bheil i air a h-innseadh duine cho suarach ’sa tha air ur-uachdar an t-saoghail. Reic e leth mairt ri aon de na coimhearsnich, agus a nis cha leig e leis boinne bainne thoirt uaipe, oir tha e ’g radh gur e ’n leth toisich a reic e ris. Tha aig a choimhearsnach aig a cheart ri biadh us deoch a chumail rithe tri uairean ’sa latha. An la roimhe, thug a bho putag do’n bhodach le h-adhairc a chuir air laidhe na leapa e, agus tha e bruidhinn air am fear eile chur ’san lagh. Tha Gilleasbig Fenton, South Essex, Mass., a sgriobhadh;—Dh’ fheuch mi iomadh seorsa leighis air son droch stamag, ach cha d’ rinn aon diubh feum dhomh mar a rinn K. D. C. Chan urrinn domh gu leor a radh ga mholadh. Rinn e feum mor dhomhsa ’s do mhuinntir eile.” Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal. “INNLEACHDAN MHIC AN DUINE,” arsa Calum Ban ’se leubhadh telegram a thanig da ionnsidh a ceann-a deas America. “Faic sibhse ’m fios so a thanig o aite ’tha miltean de mhiltean as a so, agus an inc leis ’n do sgriobh iad ’m ainm gun a bhi tioram fhathast!” Minard’s Liniment, caraid nan tuathanach Si’m bata Geancach a choisin an reis an New York air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i beagan us leth mionaid air thoiseach air an Valkyrie, ach si’n Valkyrie a bhiodh air toiseach mur biodh gu’n do shrac cuid de na siuil aice. Tha Morair Dunraven, ceannard na Valkyrie ag radh nam b’ ann air cladaichean Bhreatuinn a bhiodh iad, nach cumadh an Vigilant faire air a bhat’ aige-san. Tha e deanamh a mach gu bheil an soitheach a bhi aineolach air gaothan ’s air cladaichean America ’ga fagail car coltach ri bo air a h-aineoil, ’s nach eil i cho comasach air deanamh air a son fein ’sa bhiodh i aig an tigh. Cum Minard’s Liniment san tigh. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Ma tha thu saor o droch stamaig cha ruig thu leas eagal a bhi ort romh’n cholera. Saoridh K. D. C thu o dhroch stamaig ’s o cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 119] [Vol. 2. No. 16. p. 7] LEATHANICH CHOLA. Bha da mhac aig Iain Garbh, Iain Abrach agus Lachinn. ’S ann de shliochd Lachinn a bha Lachinn na Galig, Lachinn nan Osan, Lachinn a Chuairteir, no Mactalla. Shloinneadh e e-fein air ais mar so,—Lachinn mac Iain mhic Lachinn mhic Iain mhic Dhomhnuill mhic Ruari mhic Eachinn mhic Neill mhic Chaluim mhic Lachinn mhic Iain Ghairbh. Phos Seanair Lachinn, Lachinn mac Iain mhic Dhomhnuill, Catriona Chaimbal, Catriona nighean Iain mhic Mhurchidh. Phos athir Lachinn, Mac Lachinn mhic Iain a teis meadhon Chola, Fionnaghal Nic-Gilleain, Fionnaghal nighean Eachinn mhic Iain mhic Thearlich. Bha ceathrar mhac aige agus triuir nighean. Rugadh Lachinn am mac ’bu shine ann an Cola. Bha e na sgoilair, na chainntair, ’s na sgriobhadair math. Chaidh e a dh’fhuireach do Ghlaschu. Bha e a creic osan agus dheiseachan ’sa bhaile mhor sin. Phos e Agnes Ashmore, nighean do mhaigstir-sgoil’ a bha ’m baile Pheirt. Bha aon mhac agus triuir nighean aige. Chaidh iad do Mhelbourne an Australia, ach cha n-eil fhios agam ciamar a chaidh dhaibh an sin. Nuair a bha Lachinn air leaba bhais chuir e fios do ’n eaglis gun robh e ag iarridh gun rachadh urnigh a chur a suas air a shon. Nuair a thanig am fear leis an do chuir e am fios air ais dh’ fheoirich e dheth an deach urnigh a chur a suas air a shon. Chaidh, ars’ am fear eile. Co dhuine is ann sa Ghalig no sa Bheurla a bha i? Ann sa Bheurla fhreagir am fear ris an robh e ’bruidhinn. Och, arsa Lachinn ma ’s ann sa Bheurla a rinneadh an urnigh tha eagal orm nach dean i moran feum dhomhsa. Chuir e mach Adhamh agus Eubh sa bhliadhna 1837. Chaochail e an Glaschu an November, 1848. Bu Ghaidheal de na Gaidheil e. Thanig brathair do Lachinn na Galig, do ’m b’ ainn Iain, do dh-America sa bhliadhna 1848. Tha a theaghlach ann a Wichita, an Kansas, is tha iad a faighinn air adhart gu math. Tha mac peathar dha, D. T. Macdhomhnuill, an Red Jacket, Michigan. Tha Galig, Beurla, a chainnt Ghearmailteach, ’s a chainnt Shuaineach aig an Domhnullach so gu math. Tha e na dhuine gasda; m-asail, is tha mi a creidsinn gun gabhadh e MAC TALLA nam biodh fios aige gu bheil a leithid ann. Thanig piuthar do Lachinn na Galig am mach do’n duthich so. Bha i posda ri Iain Mor Mac-Gilleain ann a Wallas, Iain Mac Neill Mhic Lachinn. Bha Iain Mor na dhuine cho foghainteach ’sa bha n Cola ri am fhein, agus bhiodh e gu math tric a cur a spionnidh an cleachdadh. Bu bhrathair e do Lachinn Saor ’sa Cheapich, an Antigonish. Ged is ann a Cola a thanig Lachinn Saor is Iain Mor cha b’ ann de theaghlach Chola bha iad. ’S ann do theaghlach Bhoraraig, meur do theaghlach Airdghobhar, a bhuineadh iad. Tha Lachinn air ainme achadh an Aiseirigh Mhic-an-Toisich. Thig Lachinn Saor a chlisgeadh oirnn, ’S gu bheil mi ’n duil nach misd sinn e, Gu caradh chorp ’sna cisteachan Ma tharlas bristeadh cheann ann. Bha tri mic aig Eachann mac Iain Abrich, Eachann Ruadh, Ailain, agus Iain. Bha Ailain a fuireach ann an Achadh-nan-sabhall. Phos e Anna, nigh-do Mhac-Iain Airdnamurchan. Bha tri mic aige, Eachann, Raonull, agus Domhnull. Bha Iain Mac Eachinn Mhic Iain Abrich a comhnuidh an Grisipoll. Phos e Fionnaghal, nighean do Mhac Fhionghain an t-Sratha. Bha aon mhac aige, Iain. Bha cethrar Mhac aig an Iain so, Lachinn, Iain, Eoghan, agus Tearlach. Bha triuir mhac aig Lachinn, an siathamh Leathanach bha air Cola, Iain Garbh, Lachinn, agus Niall. Fhuair Lachinn Eilain nam Muc bho ’athir. Bha da mhac aige, Eachann agus Lachinn. Bha Eachann posda, ach cha robh clann aige. Phos Lachinn Mari, nighean Sheumis Dhomhnullich, Fear Bhail’-Fhionnlaidh. Bha da mhac aige, Eachann agus Domhnull. Chaochail Eachann gun mhac a thigeadh na aite. B’e Domhnull a bhrathair an coigeamh fear de shliochd Lachinn Chola aig an robh Eilain nam Muc. Dh’fhag Domhnull an t-Eilain sin agus chaidh e a dh’ fhuireach do Chornaig an Cola. Theirteadh mar sin Fear Chornaig ris. Bha da mhac aige, Lachinn Ghrisipuill agus Iain. Tha sliochd Lachinn ann an Dantzig am Prussia agus sliochd Iain an Sasunn ’s an New Zealand. Chaochail Fear Chomaig an Duneideann. Rinn Gilleasbig Laidir marbhrann da, agus bu mhath a b’fhiach dha sin. Bhiodh Gilleasbig ga fhaighinn fhein ann an trioblaid gu math tric, ach sheasadh Fear Chornaig leis. ’S e sin a thug air a radh,— Ged a theid mi do Chola Dh’iarruidh cothruim san eucoir, Cha n-fhuiluig iad m’ fhaicinn Ach mar aiteal na greine. ’S ann a tha mo chul-taice Ann sa chaibeal gun eirigh, Far a bheil mo luchd-eolis Air an comhdach le cheile. A. MAC G. SINCLAIR. Iarr Minard’s Liniment, ’s na gabh an corr. CAIRDEAS FAD AS.—Bha caraide do Sheumas Cubair latha feorach deth an robh cairdeas sam bith aige ri seann duine de’n aon ainm ris fein a bha air ur tighinn do’n choimhearsnachd. “Tha seorsa de chairdeas fad as ann,” arsa Calum. “De cho fad as ’sa tha e.” “Bha coig duine deug cloinne aig m’ athair,” arsa Calum; ’s esan an duine ’s sine, agus ’s mise ’n duine ’s oige.” Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 120] [Vol. 2. No. 16. p. 8] An Ti Uaine aig Domhnull Mac-Gilleaghlais. Fhuair mi na duilleagan uaine A chuir sibh an nuas do m’ ionnsaidh. ’S iad fein na duilleagan luachmhor, Is aimmeil buadhan an sughidh. Cuiridh e cailleachan gu boilich, ’S nigheanan oga gu sugradh; Cuiridh e bodich gu seanachas ’S iad a dealradh ’sa ghnuis leis. ’S mise ’tha ’n diomb ris na luchaidh Thug iad cuid bhuam de’n ti chubhridh; Ghabh iad fath oirr’ ann san oidhche, ’S b’ ard an straighlich le ’n cuid burich, Ach bheir mise do na biastan Duais an deanadis sa chuis so; Gheibh mi cat gun iochd, gun truas ann. ’S theid an ruagadh as na cuiltean. Ach ged is math an ti uaine, ’S ge tric aig uaislean na duthch’ i, Is mor gur fearr ann am bheachd sa An ti a chleachdadh an tus leinn. Tha i taitneach do na mhionach, S e gu gionach, dian ga sughadh; Tha i fallan, blasda, milis ’S cha mhor tinneas air nach druidh i. Buaidh do na cheanniche ghasda ’Nochd cho tlachdmhor a dheagh run dhomh, ’Nuair a chuir e an ti uaine Gam ionnsaidh an nuas le curam. Bhon a chaidh an t-ol a cleachdadh Cuiridh mi seachad an cuil i, ’S olidh mi dhi a dheoch slainte ’Nuair a thig la na bliadhn’ uire. Nov. 8, 1882. DUANAG. A chuireadh gu Domhnull Mac-Gilleghlais air dha pasgen de nithean blasda a chur a dh-ionnsidh an ughdair. Gur mis’ an duine sunndach, Gun churam dheth tha mi; Tha caraid air mo chulthaobh. Nach diult ann am chas mi; Mac-Gilleghlais a bhutha, Fear cluiuiteach na ghnathan; Fear fiosrach, tuigseach, turail Nach muchadh a Ghadhlig. Chuir e ’n nuas do m’ ionnsaidh Ti ur a ’s math faileadh Is punnd no dha de shiucar Na chuirneinean aillidh. Bha ’ghilead mar an sneachda ’N am teachd air an fhasach; ’S mar mhil an t-seilein lachduinn Bha bhlas do na chairean. Min Innseanach bha comhl’ riu, ’S mar or bha i dearrsadh; Stuth fallan do dh-fhir bhreoite, Do dh-oigridh ’s do shar-laoich. Gur h-iomadh gaisgeach deante Measg ciad shluagh an ait so A thogadh air a fuaraig Gun nachdar, gun bhlathich. Am pasgadh ann am paipeir, Bho laimh an fhir bhaigheil, Bha cuid de mheasan cubhridh Nan duthchannan blatha. Gur math air deireadh cuirm iad, ’S fir shuilbheara, chairdeil, Gu h-aighearach neo-chealgach A seanachas mar bhraithrean. Ge taitneach leam da-rireamh Gach ni ’rinn mi ’aireamh, ’S e ’m bradan chuir gu sonnraicht’ Ann bron as mo lathir. Nuair chunnaic mi ’chruth ceutach ’S ann leum mi mar phaisde Le aighear is le eibhneas; ’S e-fein am bradh sar-mhath. O cumidh bhur cuid airgid, ’S bhur seirbheisich thraillu’l, A thighearnan ’s a righrenn, Is iompairean straiceil, Bidh agam-s’ air mo dhinneir Toilinntinn na’s airde Na dheoghlas sibh ri ’r saoghal Bho phlaosgan ur n-ailleis. Dec. 20, 1882. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 121] [Vol. 2. No. 17. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 28, 1893. No. 17. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha muinntir Nobha Scotia nas pailte a dh’ ubhlan air an fhoghar so na bha iad o chionn iomadh bliadhna, agus tha iad a faighinn reic mhath dhaibh. Bhuail da thrain na cheile faisg air Port Arthur, Ont., an la roimhe agus chaidh dithis dhaoine mharbhadh. Bha na carbadan aig an am a giulain luchd ti agus chaidh am milleadh gu dona. Bha baile a tha faisg air Fredricton, N. B., cha mhor air a losgadh gu lar an la roimhe. Bha coig taighean fichead agus deich buithean air an losgadh. Tha ’n call air a mheas aig tri fichead mile dolar. Tha fear Nathaniel Huestis a fhireach aig Tyron, P. E. I., a bha ceud bliadhna dh’aois deireadh April sa chaidh. Rugadh e ann an Wallace, N. S., far an tainig a pharantan a Sasuinn. Tha e gu math tapaidh fhathast agus tha e ann an deagh shlainte. Tha Feill an t-Saoghail gu bhi air a dunadh air an la mu dheireadh de’n mhios so. Cha robh an fheill a paigheadh gu ro mhath a cheud chuid de’n t-samhradh ach o chionn mios no dha dhoirt na h-uiread de shluagh a stigh ’s gu robh i paigheadh gu math Bha treud de ghillean am Montreal an la roimhe ag amharc air teine mor a las iad air son spors dhaibh fein, agus air dhaibh a bhi cluich mu’n cuairt air thug fear diubh putag do fhear eile agus thuit e san teine. Bha e air a losgadh cho dona ’s gun dh’eug e an ceann da latha ann am pian mor. Bha da fhichead Hungarian ag obair ann am Pendsylvania agus bha iad an deigh dorlach math airgid a chur ma seach anns a bhanc. Bha eagal orra co-dhiu gu robh am banc a dol a bhristeadh, agus thug iad as an cuid airgid, deich mile fichead dolar air fad, agus dh’fhag iad e an lamhan fear dhiubh fhein gus a ghleidheadh. Dh’eirich iad ’sa mhaduinn an la roimhe, agus cha robh fear gleidhidh an airgid ri fhaotainn thall no bhos, ’s cha mho bha sgial air an airgiod. Tha iad a deanamh a mach gu’n d’ fhalbh iad cuideachd. Tha ’m banc cho slan ’sa bha a riamh. Aon latha toiseach na seachdain so bha aon a dh’uaislean Halifax a gabhail na sraide ann an carbad, agus ghabh an t-each eagal, ’s theich e, a tilgeadh an duine mach air a chabhsair. Bha te dhe chasan air a bristeadh agus aodunn air a dhroch ghearradh. Cha’n eil na dotairean fhathast cinnteach co dhiu thig e bhuaithe no nach tig. Thaghail an t-Urr, M. A. Mac-a-Phearsain, sagart a Bhras D’Oir Bhig, ann an oifig a MHAC-TALLA Di-sathairne s’a chaidh. Bidh sinn toilichte bhi faicinn ar cairdean uair sam bith a thig iad do’n bhaile, agus a bhi treis nan seanachas, gu seachd sonruichte ma ni iad mar a rinn an duin-uasal so, dolar fhagail againn air son bliadhna de’n phaipear. O chionn latha no dha, chaidh cuid eiginn a stigh do stapull Robert Johnstone aig Sidni a Tuath, trath ’sa mhaduinn, agus thug e ionnsuidh air fear de na h-eich a ghoid. Bha ’n t-srian aige na cheann agus bha e deanamh deiseil gu falbh nuair a thainig Mr. Johnstone rathad an stapuill agus a b’fheudar dha a chasan a thoirt leis. Chuireadh fear de mhaoir a bhaile air a luirg ach cho fad so cha d’ fhuair e sealladh air. Tha duin og a mhuinntir Cheap Breatuinn de’n ainm Iain Mac Aonghais air a dhol air chall am Boston gun fhios dh’ eirich dha. Dh’fhag e ’m baile sin ’sa cheud mhios de’n earrach, ’s e ’n duil a dhol gu Westboro’, agus cha chualas sgial air bhuaithe sin. Chaidh am baile sin a rannsachadh, ach cha d’ fhuaras dearbhadh sam bith gu’n d’ rainig e riamh. Tha cairdean dha am Boston agus tha iad fodh iomaguin mhor dha thaobh. Thainig duine mhuinntir Bhaddeck gu Sidni-a-Tuath feasgar air an t-seachdain so agus air dha bhi tuilleadh us fada ’n comunn ’Ic-an-Toisich, chaidh e ’chadal ann an seann ghoileadair soitheach smuide a bha aig a chladach. Nuair a dhuisg e ’sa mhaduinn ’se air fuarachadh gu math, fhuair e mach gu robh ’ad ’sa bhrogan air an goid re na h-oidhche. Tha e air a radh nach ann a h-uile la bhios mod aig Mac-an-Toisich, ach ’nuair a bhitheas mod aige fagaidh e cuimhneachan. [TD 122] [Vol. 2. No. 17. p. 2] NA TAILLEARAN. LE IAIN. (Air a Leantuinn.) Ged nach robh meas air an taillearachd mar cheaird, bha meas air na taillearnan mar dhaoine. Bha iad mar bu trice anabarrach grinn, glan, speisealta, modhail, measail, uasal ’nan doigh. Cha robh aca ach ceaird a bha aotrom, glan, agus air an aobhar sin bhiodh iad an comhnuidh glan, sgiobalta ’nan eideadh. Mar bu trice cha b’ e paigheadh air son gach ball aodaich a dheanadh iad a bh’ aca idir; ’s e bh’ aca tuarasdal suidhichte. Bheireadh muinntir a’ bhaile, no ma dh’ fhaoidte, muinntir a dha no a tri de bhailtean tuarasdal suidhichte dhaibh, agus bha aca ri bhith ’dol mu’n cuairt o thaigh gu taigh agus o bhaile gu baile, an uair a bhiodh taillearachd ri dheanamh. Gheibheadh iad am biadh agus an leabadh cho math ’s a bhiodh ri’ fhaotainn anns gach taigh anns am biodh iad ag obair. Bhiodh na mnathan-taighe a’ gleidheadh pairt de na h-uile biadh annasch a bhiodh aca dh’ fheitheamh air na taillearan. Bha cuid dhe na taillearan anabarrach math gu innseadh naigheachdan. Bu gle’ thric leotha earann de’n fheasgar a chur seachad ag innseadh sheann naigheachdan do mhuinntir an taighe anns am biodh iad ag obair, agus do’n luchd-ceilidh. Cha robh solus cho pailt ’s an am ud ’s tha e ’nar latha-ne. A’ bhliadhna nach biodh a’ chudaig agus an suidhean pailt, bhiodh an solns gann; oir b’ e colan na cudaig agus an t-suidhean solus bu phailte a bha ri’ fhaotainn ann am measg nan tuathanach beaga. B’ ainneamh taigh anns nach biodh beagan choinnlean; ach bhithteadh caomhnadh nan coinnlean air eagal gu’n tigeadh coigreach air chuid oidhche do ’n taigh. An uair a bhiodh an solus gann dh’ iarrteadh air an taillear an t-aodach a chur uaithe, agus sgeulachd a ghabhail. Thoisicheadh e air eachdraidh, no air bardachd na Feinne, agus mar bu trice bhiodh e faisge air ceud ghairm a’ choilich mu’n gabhadh iad mu thamh. Anns am ud cha robh guth no iomradh air paipearan-naigheachd. B’ ann ’s a’ mhuillean, agus anns a’ cheardaich, agus an taigh a’ ghreusaiche, agus far am biodh an taillear ag obair, a gheibhteadh na naigheachdan a b’uire. Bha daoine cheart cho deidheil air naigheachdan ura ’san am ud ’s a tha muinntir an latha ’n diugh. Cha robh naigheachd a b’ fhiach a h-aithris eadar da cheann sa duthcha nach biodh aig na taillearan. Mar so bha iad a’ cosnadh deadh-ghean an t-sluaigh anns gach cearn de’n duthaich le ’n cuid fiosrachaidh. Dheanadh aireamh mhor dhiubh orain gu leor. Tha iomadh aon de’n cuid oran fhathast air chuimhe. Bha cuid mhor dhiubh mar an ceudna gle eibhinn, abhcaideach. Criochnaichidh sinn ’na th’ againn ri aithris mu ’n timchioll aig an am so le sgeula no dha innseadh de na chuala sinn o chionn dluth air da fhichead bliadhna. Tha fear de theaghlach Mhic ’is Ailean a bha car socharach. Bha deidh mhor aige air a bhith sealgaireachd. Aig am araidh chuireadh fios air an taillear a chum cota sealgaireachd a dheanamh dha. An uair a bha ’n cota deas dh’ fheuchadh uime e. “Cia mar a tha e ’cordadh ribh,” ars’ an taillear. “Bha e gle fhreagarrach dhomh anns gach doigh, ach gu bheil e car fada,” arsa Mac ’ic ic Ailean. “Am fear a rinn fad’ e ’s e ’ni goirid e,” ars’ an taillear. Sgaoil an taillear an fhaitheam a bh’ air iochdar a’ chota, agus chuir e faitheam eile air anns an robh cromach a leud. Dh’ fheuchadh an cota air an dara uair, agus thuirt e, “Tha ’n cota gle mhath a nis, ach gu bheil e car goirid.” “Am fear a rinn goirid e ’s e ni fad, e,” ars’ an taillear. Sgaoil an taillear an fhaitheam mhor, agus dh’ fhuaigh e faitheam bheag air mar a bh’ air an toiseach. An uair a chuir Mac ’ic ’ic Ailean uime an cota an treas uair, dh’ aidich e gu robh e freagarrach gu leor dha. Bha taillear eile an am Beinn-a-bhaoghta a bha anabarrach abhcaideach o laithean oige. An uair a bha e ’na ghille ag ionnsachadh na taillearachd, thachair gu robh duine faisge air an aite ’s an robh e, fuireach ris an cainte Domhull Ard. Tha e coltach nach robh “gille an taillear” (mar a theirte ris a h-uile gille og a bhiodh ag ionnsachadh na taillearachd) agus Domhull Ard gle reidh. Coma co dhiubh, thainig air a’ “mhaighstir taillear,” agus air a’ ghille a dhol do thaigh Dhomhuill Aird a thaillearachd. Ma bha gus nach robh ball aodaich eile aca ri dheanamh do Dhomhull Ard, bha “cota-mu’n-cuairt” aca ri dheanamh dha co dhiubh. An uair a bha ’n cota ullamh gu ire ’nam putan, dh’ iarr an taillear air a’ ghille teannadh ri deanamh nam putan. Anns an am cha robh putain cho furasda faotainn ’s a tha iad a nis. Mar bu trice b’ e ’n taillear fhein a dh’ fheumadh na putain a dheanamh. So mar a bhithteadh ’gan deanamh:—Gheibhteadh pios leathair—seana bhonn broige, ma dh’ fhaoidte—agus ghearrteadh na bhideagan beaga cruinn e air chumadh putain, agus fhuaighteadh criomag de ’n aodach mu gach bideig, agus bhiodh iad ’nan deadh phutain. B’ e cuid a ghille de dheanamh nam putan an leathar a ghearradh ’na bhideag cruinne. Ghearr an gille a cheud phutan, agus an uair a thug e d’ a mhaighstir e, thuirt a mhaighstir ris, “Tha ’m Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun 1, 1893. [TD 123] [Vol. 2. No. 17. p. 3] putan so ro mhor.” “Cuireadh sibhse ann e mar a tha e; bidh an ath fhear ni’s lugha,” ars’ an gille. Ach bha ’n ath fhear gle’ bheag; agus thuirt am maighstir, “Tha ’m fear so ro bheag.” “Cuireadh sibhse ann e; bidh an ath fhear ni’s mo.” ’Se bh’ ann gu robh putan mor is putan beag ma seach anns a’ chota aig Domhull Ard. Thachair an uair a bha ’n taillear so an deigh a’ cheaird ionnsachadh gu robh e ’g obair ann an taigh araidh. Bha bean-an-taighe cho lan de ’n droch amhrus ’s gu robh eagal oirre gu ’n goideadh e pairt de ’n t-snath-fhuaghail. ’S e rud a rinn i, chuir i a cheirtle shnath anns a chiste, agus dh’ fhag ceann an t-snath aig an taillear a mach troimh tholl na glaise, agus ghlas i ’chiste, agus dh’fhalbh i air cheann-gnothaich dhi fhein. Thuig an taillear gle mhath mar a bha ’chuis, ach cha do leig e dad air. Ach an uair a dh’fhalbh bean-an-taigh bhrist e’n snath. (Ri Leantuinn.) Bho Amhainn Dhennis. A charaid ionmhuinn,—S’ fhad o’n bha duil agam focal a chur do d’ ionnsuidh, ach an diugh ’nuair thainig MAC-TALLA agus a chunnic mi ceist air a faighneachd a b’ urrainn dhomh fhreagairt, smuainich mi nach deanainn dail na b’fhade. Tha sibh faighneach air son Ailain Mac Gilleain a chuir ri cheile na rannan ma’n t-similair. Feudaidh mi innse gu’m b’ e dluth choimhearsnach dhomh bha ann. Rugadh e ann an Colla agus thainig e dha ’n duthaich so na ghille og. Bha e na sgoilear math Gaelic agus bha toil mhor aige an canan sin a bhi air a chumail suas. Bha e fad an aghaidh cuid de nithean ur an latha ’n duigh, agus choisinn sin dha an rann a dheanamh ma’n t-Similair oidhche thachair dha bhi ann sa coinneamh-chonnsachidh a bha ann an tigh-sgoile sa choimhearsnachd so mar dh’ ainmich sibh sa MAC-TALLA. Bha meadhair math aige agus talann neo-chumanta deanamh rann, agus is duilich leam nach fueil moran dhiu an diugh ri faotuinn, or cha do sgriobhadh riamh iad. Chaidh iad gu tir na di-chuimhne, chaidh esan a bhathadh aig caolas an Narrows Maor mu dha bhliadhna an am so, e fein agus ogha brathair dha us iad a pilleadh bho Shidnidh le bata luchdaichde le gual. Cha ’n eil moran naigheachdan agam ri innse as an oisinn iomallach so do Cheap Breatuinn, ach feumidh mi aideachadh gu bheil comh-thional a Bhai ’n Iar aig an am so a cur dorran orm le bhi cho follaiseach a briseadh air an deicheamh aithne, le bhi toirt gairm dha ’r minister a tha ro measail aginn fein. Bha mi ro thoilichte litir fhaicinn ann sa MHAC-TALLA, bho “Khatag” ma sheann ban-chompanach sgoile a tha nise comhnuidh an Columbia Bhreatunnach. Tha i nochdadh nach do dhi-chuimhnich i an canain a labhair sinn gu tric ri cheil’ aig tigh-sgoile bonn na bruthaich. “Cia cho sgapta ’s am bi sinn measg dhuthaichean cein, Tha smuaintean ar cridhe mar ghathan na grein A’ gearradh troimh ’n astar ’s a’ srachdadh tromh ’n cheo. S’ gar guilan’ san spiorad gu laithean ar-n-oig.” Se so a cheud litir Ghaelic a sgriobh mi riamh agus mile beannachd air MAC-TALLA bho ’n d’ ionnsuich mi am beagan so fein. Buaidh us piseach air gach am! Is mise, do bhana-charaid dhileas. E. D. October, 21. Leighis MINARD’S LINIMENT druim ghoirt orm sa. An t-URR. UILLEAM BROWN. Leighis MINARD’S LINIMENT greim cluaise ormsa. MRS. S. KANLBACK. Leighis le MINARD’S LINIMENT droch sgamhan ormsa. MRS. S. MASTERS. Ma tha toil agad do phathadh a chasg, ol an t-uisge fuar, an deoch a bha Adhamh ag ol. Gheibh thu nasgaidh e, agus ged a dh’oladh tu glaine bharrachd dheth, cha’n fhag e do cheann goirt. Rud eile dheth, cha’n fhas thu cho deigheil air ’s gu’n gabh thu dheth na ni cron dhuit. Minard’s Liniment, caraid nan tuathanach Tha ’n t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S., ag radh:—An deigh K. D. C. a chleachdadh beagan uine tha mi dhe’n bharail gur leigheas math e. Mholainn dhaibh-san aig a bheil droch stamag a ghabhail. An rud nach binn le daoine cha leig iad orra gu’n cluinn iad idir e. Ach neo-ar-thaing nach bi cluasan dhaoine gle fhosgailte ris an naigheachd a chordas riutha. Iarr Minard’s Liniment, ’s na gabh an corr. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Cleachdidh dotairean Minard’s Liniment “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 124] [Vol. 2. No. 17. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE OCTOBER 28, 1893. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Ma bha ’n samhradh tioram, teith, bha am foghar fliuch agus fuar gu leor. Cha robh ach fior bheagan de laithean tiorma againn o liunasdal. Nan tigeadh latha no dha de thuradh, an drasta ’s a rithist, thigeadh a tri no ceithir de laithean fliucha fiadhaich ’nan deigh. Bha am barr gu math torrach ann an iomadh cearn dhe’n duthaich, ach ged a bha ’bhuain ullamh o chionn coig no sea sheachduinean tha beagan dhe’n arbhar fhathast a mach air na h-achaidhean. Na daoine a ghabh a h-uile almsadh a b’ urrainn iad air an arbhar a chur a steach, chaidh aca air a chur fo dhion gun a bheag de dhomail sam bith. Tha am buntata pailt anns gach aite. Tha e lionmhar ’san talamh, agus gle thioram. Ach cha do thogadh a bheag dheth fhathast. Tha cuid mhath de’n sgadan ’ga fhaotainn o chionn beagan sheachduinean ann am moran de na lochannan timchioll na Gaidhealtachd. Fhuaradh moran dheth, ann an Loch Teireardain agus ann an Lochbhrain air an t-seachduin so chaidh. Tha iad a’ faotainn riaghailt mhath dheth anns na lochannan timchioll an-Eilean-Sgiathanaich. A bhliadhna a bhios am buntata ’s an sgadan pailt cha bhi aobhar gearain aig daoine bochda. Dh’ eirich na prisean gle mhath air crodh agus air caoraich o thainig am foghar. Cha do thill beathach dhachaidh gun reic latha feill Shligeachain. Bha a’ phris dluth air da phunnd Shasunnach an ceann ni b’ airde air crodh ’s air aighean na bha i an uiridh. Aig na margaidhean mu dheireadh bha caoraich is uain mu cheithir no coig de thasdain an ceann ni b’ airde na bha iad deireadh an t-samhraidh. Tha iomadh duine bochd ni’s fhearr suidheachadh agus ni’s riaraichte inntinn an diugh na bha iad toiseach an fhoghair. Oidhche air an t-seachdain s’a chaidh bhrist neach eigin a stigh do stor Iacob S. Hart ann a Hogamh agus thug e leis aireamh de nithean air an d’ fhuair e greim. Fhuaradh air an urlar an la ’r na mhaireach paipearan an sid san so air am bogadh an kerosene ’s cuid diubh air an leth losgadh. Tha iad a deanamh a mach gu robh e mar so a feuchainn, aonachuid ris an tigh a chur na theine, no gu robh e lasadh nam paipearan air son solus a chumail ris fein fhad ’sa bhiodh e cruinneachadh na bha e toirt leis. An deigh sin bhrist e stigh do’n stapull a bha faisg air laimh agus thug e nach fear de na h-eich. Thug e leis e gu tom coille agus an sin mharbh e ’m beathach bochd, ’ga ghearradh ’s ga chaobadh as a cheile air doigh cho graineil a ghabhadh a bhith. Nuair a fhuaireadh a bhruid, bha na suilean air an spionadh as, amhach air a gearradh agus a chorp air a riabadh as a cheile. Bha badan aodaich lan fala air am faotainn an sud ’s an so mu’n cuairt air an aite san robh e. Cha d’ rinneadh gniomh cho graineil air an eilean so riamh, agus ge air bith co rinn e mar a’s luaithe nithear greim air ’s ann a’s fhear do’n duthaich air fad. Eachdraidh Beatha Chriosd. Tha ’n leabhar so, a tha air ur chur a mach, a tighinn o laimh an Urr. Iain Mac Ruairidh ’san Eilean Sgiathanach. Tha ’n eachdraidh air a toirt gu h-iomlan ann an briathran a Bhiobuill air an taghadh as na ceithir soisgeil. Tha gach ni air am beil na soisgealaichean a toirt iomradh air an innse gu simplidh, soilleir o bhreith gu bas Chriosd. Neach sam bith a leubhas an leabhar so o thoiseach gu deireadh, bi’dh e nas fiosraiche mu ghniomharan an t-Slanuighear, agus mu’n ordugh anns an robh e ’gan cur an gniomh, na bha e riamh roimhe. Tha ’n leabhar air a dheagh chlo-bhualadh agus air a chur ann an comhdach math. Tha e air a chur a mach le Archibald Sinclair, 10 Bothwell Street, Glasgow, Scotland. Gheibhear e leis a phosta air son tri tasddain us tri sgillinn. Tha sinn a faicinn ’sa Presbyterian Witness gu bheil cothional Mhira an deigh a chuid mu dheireadh de na seann fhiachan a bh’ aig an Dotair Mac Leoid orra a phaigheadh. Bha mile dolar de na fiachan so air a cho-thional o chionn aireamh bhliadhnachan, agus tha e nis air a phaigheadh uile. Tha muinntir Mhira ri’m moladh air son an tapachd, agus air son an dilseachd de’n neach a shaoithrich nam measg cho fada, ’sa tha nise air a leagail sios le tinneas ’s le seann aois. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 125] [Vol. 2. No. 17. p. 5] Litir as an Eilean Sgiathanach. Fhir mo chridhe,—Mar a tha fios aig na seana Ghaidheil air gach taobh dhe’n chuan, tha atharrachadh mor air tighinn air beachdan agus air cleachdaidhean an t-sluaigh o chionn leith cheud bliadhna. Tha am fearas-chuideachd ’bu ghnath a bhith aig na Gaidheil ’san am a dh’ fhalbh a nis air a leigeadh a cleachdadh gu beag-ni, agus tha doighean ura aca mar is trice air a bhith ’cur seachad na h-uine. Cha ’n ’eil mi ’dol a radh aig an am so gu’m bu choir do na Gaidheil cul a chur gu buileach ris an fhearas-chuideachd a tha air eirigh ’nam measg o chionn bhliadhnachan, ach is i mo bharail nach bu choir dhaibh na seann doighean a leigeil air dichuimhn idir. Tha cuimhne mhath agamsa air an doigh anns am biomaid a’ caitheamn nan oidhcheannan fada geamhraidh o chionn da fhichead bliadhna. An uair a gheibheamaid am fodar deante rachamaid air cheilidh do thaigh an taillear, no do thaigh a’ ghreusaiche, far am biodh, mar bu trice, comhlan math cruinn. Nam biodh fear dhe na bhiodh air cheilidh gu math gu gabhail sgeulachd, bheirteadh air toiseachadh ri sgeulachd a ghabhail, agus neo-ar-thaing nach suidheamaid gu socrach, samhach ’ga eisdeachd gus am biodh e dluth air a’ mheadhon oidhche. Bhiodh sgeulachdan de gach saorsa air an aithris. Am fear aig nach biodh sgeulachdan air an Fheinn bhiodh sgeulachdan aige air gach treubhantas a bhiodh na Gaidheil a’ deanamh ’s an am a dh’fhalbh. Agus am fear aig nach biodh sgeulachd bhiodh sean-fhacail, no tomhaiseachain aige. Air an doigh so bha morair de sgeulachdan, de shean-fhacail, agus de thomhaiseachain air an cumail air chuimhe. Ach o’n a bha na sgeulachdan mar bu trice gu math fada, cha bhiodh e cho furasda an cumail chuimhne. Tha moran dhe na sean-fhacail air chuimhne fhathast, nar measg-ne anns a’ Ghaidhealtachd. Rinn an Siorram Mac Neacail nach maireann feum mor an uair a chuir e mach leabhar shean-fhacal o chionn aireamh bhliadhnachan. Ged nach d’ fhuair an leabhar luachmhor so faighneachd anns a’ mhargadh cho math ’s a shaoileamaid a gheibheadh e, cumaidh e moran shean-fhacal air chuimhne, a bha air thuar a bhith gu buileach, glan air an leigeadh air dichuimhne. Tha aireamh mhor de dheadh shean-fhacail am measg an t-sluaigh air feadh na Gaidhealtachd nach deachaidh a sgriobhadh riamh fhathast. Cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil moran de dheadh shean-fhacail am measg nan Gaidheal ann an America mar an ceudna. Nach bu ghasda an cur seachad uine dhaibh anns na h-oidhcheannan fada geamhraidh a bhith gu curamach a’ sgriobhadh gach sean-fhacal agus ’g an cur a dh’ ionnsuidh a’ MHIC TALLA far am biodh iad air an leughadh agus air an cumail air chuimhne leis na ceudan de Ghaidheil air feadh an t-saoghail gu leir? Gun fhios nach bu mhath le cuid fios fhaotainn air an doigh a ’s fhearr air an teid aig daoine air na sean-fhacail a chuala iad a chionn fada a thoirt a dh’ ionnsuidh an cuimhne, faodaidh mi an doigh a bh’ aig Gaidheal air am bheil mi ro eolach innseadh dhaibh. An uair a thoisich an duine so ri cruinneachadh nan sean-fhacal, b’ e’ cheud ni a rinn e h-uile aon a bh’ air chuimhne aige fhein a chur sios air paipear. Thug e’n aire gu robh moran shean-fhacal air an labhairt mu thimchioll nan ainmhidhean. Mar dhearbhadh air so gabhamaid cu is cat is cearc: “Is fhearr do ’n chu a dh’ fhalbhas no do’n chu a dh’ fhuiricheas.” “Is olc an cu aig nach bi lan a bheoil de dhranndan.” “Ge math an cu cam cha fhreagair e thall ’s a’ bhos.” “Ge b’e bhuaileadh mo chu bhuaileadh e mi fhein.” “Taigh gun chu gun chat gun leanabh beag, taigh gun ghin gun ghean gun cheol-gaire.” “Cu beag is earball mor air.” “Ged a bhiodh an cu ruadh bhiodh a chraicionn geal.” “Cha mhisde a’ ghealach na eoin a bhith comhartaich rithe.” “Is iomadh doigh air cu a mharbhadh gun a thachdadh le im.” “A h-uile cu air a’ chu choimheach.” “Biodh cu agad ach na beathaich cuilean.” “Mire ’chuilein ris an aois.” “Cu gun mhaighstir” &c. “Is fheairrd an cal an cat a chur ann.” Miann a’ chait ’san traigh ’s cha toir e fhein as e.” Am fear a bhios ’na thamh cuiridh e na cait ’san teine.” “Tha e cho breugach ’sa tha ’n cat cho bradach.” “Fois cait an griasaich.” “Suil cait air siaman.” “Mac a’ chait do ’m bu dual a’ luch a mharbhadh.” “Ciod sam bith ni a chi no ’chluinn thu cum an cat mu’n cuairt.” Leig e an cat as a’ phoca.” “Cho ruidhinn ris a’ chat.” &c. “Modh na circe gabhail alla rithe.” “Cha b’ e a reiceadh a’ chearc ’san la fhliuch.” “Cridhe na circe ann an gob na h-airc.” “Is beag orm an rud nach toigh leam, eireagan a’ dol ’nan coilich.” “Is math a’ bhliadhna ni am madadh-ruadh searmon do na cearcan.” &c. Dh’fhaodainn leantuinn air an obair so ni ’s fhaide na rinn mi, ach leigidh so fhein ris dhuinn uile cho furasda ’s a tha e sean-fhacail a chruinneachadh ma ghabhas daoine an doigh cheart gu sin a dheanamh. Is e fior bheagan dhe na tomhaiseachain a tha air chuimhne am measg an t-sluaigh an diugh an coimeas ris na chuala mise an uair a bha mi og. Thugadh oidhirp ann an duilleagan a Ghaidheil o chionn fhichead bliadhna air cuid dhiubh a chruinneachadh, ach is e fior bheagan a chaidh a chlodh-bhualadh dhiubh. Tha aireamh mhath dhiubh fhathast air chuimhne, agus cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil iomadh a h-aon ann an Canada aig am bheil cuimhne air fear is fear dhiubh. Bu choir dhaibh an sgriobhadh agus an cur thun a’ MHIC-TALLA. Nan deanadh iad so bhiodh gach neach aig am bheil meas air seann litreachas nan Gaidheal anabarrach fada ’nan comain. Tha moran teagaisg agus gliocais air ’fhilleadh a steach araon anns na sean-fhacail agus anns na tomhaiseachain. A dh’aindeoin cho moiteil ’s gu bheil daoine an latha ’n diugh as an cuid gliocais agus foghluim, cha teid aca air briathran cho glic ’s cho geurchuiseach a chur an altaibh a cheile ris na briathran a th’ againn anns na sean fhacail agus anns na tomhaiseachain. Dh’ fheuch mi ris gach tomhaiseachan air am bheil cuimhne agam a chur d’ ionnsuidh. Tha mi ’n duil gur e coig deug ar fhichead a tha mi cur ugad, le’n cuid fhreagairtean. Is e bhith ’geurachadh na h-inntinn am feum sonraichte a th’ anns na tomhaiseachain, agus ma chuireas tu ann an clodh iad cha toir thu na freagairtean do d’luchd-leughaidh gu ceann na seachduin air a’ chuid a’s luaithe. Tha eagal orm gu bheil an litir so tuilleadh is fada mar tha, agus mar sin cha’n abair mi an corr an drasta. Ma bhios mi beo agus air chomas sgriobhadh, cluinnidh tu uam an uine gum bhith fada. A la a chi ’s nach fhaic. Is mi do charaid. IAIN. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 126] [Vol. 2. No. 17. p. 6] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. IV.—Air a Leantuinn. Air do’n dithis ghillean a’n cladach a ruigheachd, leum iad le gairdeachas; ged thug iad fainear mirein de longibhriseadh agus cnamhan dhaoine marbh air an traigh. Ghluais Tomas air faontradh air feadh na’n creagan air a chladach, ach dh’inntrinn Peadar an fridhe chum a’n cnoc a dhireadh. Bha e air fuadan a thiort, agus cha b’ fhiosrach o co dhuibh bha e dol air adhart no air ais; gidheadh a smuaineachadh gu ’m be luas adhartachd, ruith e gus na bhuail e ri craobh mharbh agus na shil an fhuil sios air aodan. Cha chualas torman a chuain nis mo; ni mo cha robh e na chomas beachdachadh air a ghrein. Bha eoin creich ag iadhadh timchioll air, thuislich e mar duine air mhisg, gus fadheoidh na thuit e sios air badan dris. Chaidil e, agus bhruadair e gun d’ rainig e mullach Gloir Dhiomhain. Fadheoidh dhuisg e chum bhi cluinntinn gaire, agus a beachdachadh air gnuis shubhach maighdean, sgeadaichte ann a sgeimh ghliongarsaich agus aodach mar a ghealach. Bha i caitheamh slabhraidhean, lamh-fhailean, mutanan, fainneachan, seudan cleoca agus currachd; ghluais i le amhaich sinte mach agus suilean mi-gheimnidh. Dh’eirich Peadar air a chasan mar gu’m bitheadh e fathasd a bruadar; ghairm e gu h-athaiseach ga chuimhne ciod a thachair, agus dh-fheoraich de’n ribhinn co i. Fhreagair ise; “’Se so Eilean m’ athair ’s aithne dhuinne e fo’n ainm an t-Eilean Sgiamhach.” Dhamhairc e mu’n cuairt air agus thubhairt e “Ach c’ aite bheil an fhairge?” Fhreagair ise mhain “Ceadaich do thabhairt dh’ionnsuidh Tigh m’ athair agus do chreuchdan a shlanachadh.” Lean e i, agus le mor bhrosgal thug i air gach ni mu “Sgeul a Mhor Aoibhneis” a dhi-chuimhneachadh ga threorach mar dhamh chum a chasgradh. (Ri Leantuinn.) Bha Domhnull Ban us Iain Donn ’nan cairdean gle mhor aig a cheile, ach aon latha mhi-chord iad mu ni eiginn, agus throid iad gu salach. Bha beagan fhacail Bheurla an ceann Iain, agus nuair a theirig a Ghailig dha, rinn e ’m feum a b’fhearr a b’ urrainn dha dhiubh. Chuir so Domhnull na thamh ann am mionaid. Air dha bhi ’g innse do charaide mar bha eatorra, thuirt e, “Cha’n abradh e facal rium mu dheireadh ach liar! liar!! agus tha mi cinnteach nach robh sion an sin ach gu robh mi briagach.” DUANAG. Tha oidhche na samhn’ A tarruinn oirnn teann, ’S tha mis’ am measg Ghall a tamh; B’ e m’ aighear ’bhi dluth Do chomunn mo ruin A b’ aithne dhomh ’n tus mo la. Cha chluinn mi aon la Ga labhirt ’san ait s’ Ach Beurla neo-fhaileach, fhuar, ’S a bharail an ceann Gach duine gu teann Gur h-i an aon chainnt do shluagh. Nam bidhinn-s’ an drasd Le Aonghus mo ghraidh Bhiodh aginn ’sa Ghailig bhinn Gach naidheachd is sgeul, A b’ aite na cheil’ ’S bu sholasach, reidh bhiodh sinn. Bhiodh othail ’n ar ceann Ri oidhche na samhn’ ’S cha b’e bhi ri call ar miann; Gum b’ fhearr leinn bhi ’g ol Na fuaraig mu ’n bhord, ’S a ’g itheadh nan cno gu dian. 1857. Cum Minard’s Liniment san tigh. Glanidh agus neartichidh K. D. C an stamag gun milleadh no lagachadh sam bith a dheamh. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 127] [Vol. 2. No. 17. p. 7] PRIOMH SHIUAGH NA H-ALBA. LE AONGHAS MAC COINNICH. Cha’n fhaod teagamh sam bith a bhi a thaobh na h-aidmheil a bha aig seann luchd-aiteachaidh nan eileanan Breatunnach. Bi’n aidmheil Dhruidheach a bha na Ceiltich Phaganach uile a’ leantuinn anns gach aite de’n Roinn-Eorpa ’s an robh iad, araon air tir-mor ’s anns na h-eileinibh. Agus b’ i sin an aidmheil a bha aca ’an Alba mu’n do sgaoil an creidimh Criosduidh ann. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag radh gu’n robh na Druidhich air an roinn ’n an tri orduighibh; an ceud ordugh, na sagarta; an dara ordugh na feallsanaich, no daoine glice; an treas ordugh na Barda. Ach ’s e ’s coslaiche, ged a bha ait’ aig an da ordugh so mu dheireadh ’n am measg, gu’m b’ iad na sagarta a mhain na Druidhich, an lan sheadh an ainme. Cha ’n urrainnear dad a radh le cinnteas mu thimchioll theagasgan nan Druidheach air son an aobhair so, nach do chuireadh focal diubh ’an sgriobhadh riamh. Cosmhuil ris na cinnich iodhal-aorach uile a bha ’bonntachadh an aidmheil air sgeulachdaibh a dhealbhadh gu h-innleachdach, bha iad a’ cumail an teagasgan co diomhair ’sa ghabhadh deanamh. Cha’n fheudadh neach air bith dad fhaotainn a mach mu’n timchioll ach ordugh nan sagartaibh og, a dh’fheumach aireamh bhliadhnachan a thoirt air clo bhualadh air an cuimhne na dreabhlainn ud nach feudadh iad a chomh-pairteachadh ri neach sam bith nach biodh dheth ’n ordugh fein. Ach ged nach ’eil dad sgriobhta mu an teagasgan, tha ni’s leoir sgriobhta mu’n gniomharaibh o ’m feudar an teagasgan a bhreithneachadh. Bha ’n aidmheil a bha aig cinnich fhiata an t-saoghail, ’na h-aidmheil fhuiltich, ain-tighearnail. Bhiodh iad ag iobradh dhaoin’ air an altairibh d’ an diathaibh breige. Bhiodh iad a’ deanamh fiosachd o’n doigh an sruthadh an fhuil as an lot an deigh an sgian a chur ann, agus o ’n chradh-chrith a bhiodh a tighinn air an neach a lotadh gus am basaicheadh e. Mar bu trice, ged nach b’ ann a ghnath, ’s ann ri ciontaich, a bha reir an lagh’ air an diteadh gu bas, a bhiodh iad a’ buntainn mar so. Cha robh teampuill idir ac’ air son aoraidh. Bha a’ ghne aoraidh a bh’ aca ’s an deas-ghnathaidhean air am frithealadh ’s an achadh fhosgailte. Ach bhiodh aitean sonauicht’ ac’ air son aoraidh, anns an robh buailtean air an deanamh de chlachaibh mor’ air an cur nan seasamh ’s an talamh. Bha cuid diubh sin bu mho na cheile ’s tha aireamh mor dhiubh gus an diugh, faisg air a bhi co slan ’s a bha iad riamh, air feadh eileanaibh ’us tir-mor na Gaeltachd. Mar bu trice ’s ann a measg nan craobhan daraich a bhiodh an doireachan, far am faighteadh craobhan daraich. Bha ’chraobh dharaich ’na h-aon de’n cuspairean aoraidh. Bha mor ughdarras aig na sagartaibh thairis air an t-sluagh anns gach treubh fa leth. B’ iad na sagrata, araon luchd-deanamh ’s luchd-frithealaidh an lagha. Cha bhiodh e tearuinte do dhuine sam bith, ard no iosal, cur an aghaidh am focail no an reachdsan. Na’n iomsgaradh iad duine o an comunn, bu co maith dha bhi marbh fein ’s a bhi beo. B’ iad na sagarta mar an ceudna luchd-reiteachaidh ghnothuichean eadar na treubhan fa leth ’s na rioghachdan ’an deigh cogaidh. Bhiodh an t-aite na an dreuchd a b’ urramaiche ac’ a measg gach treibh no duthaich ’s an robh iad. Bha iad ag aoradh do ard-dhia, riaghlair an t-saoghail. Fo ’n aimn Bel bha iad ag aoradh do’n ghrein, a bha ’na dia iocshlaint aca, a chionn gur h-ann le teas na greine a tha na luibhean a’ fas. Bha dia cogaidh aca, ’s dia malairt, ’us dia deasbhriathrachd ’us bardachd. Tha e coslach gur h-ann ’s an aird an ear a dh’eirich a’ ghne aidmheil so an toiseach; oir tha luchd-eachdraidh ag innseadh gur h-e ’m focal Greugach, Drus, a tha ’ciallachadh, craobh-dharaich, freum na ainme, Drui no Druidh. Anns an Uilioc bha iad a’ faicinn samhladh neo-bhasmhoireachd—bhiodh ise fa bhlath an uair a bhiodh nadur gu h-iomlan seargta, agus a thaobh coslais marbh. Cha ghearradh iad uair sam bith i ach air an t-seathamh la de aois na gealaich. Sgathadh aon sagart ’an trusgan geal o’n chraoibh i le coran oir, ’s bhiodh sagartan eile a’ cumail brat geal gus a glacadh co luth ’sa thuiteadh i, oir bha iad a’ smuaineachadh nam buineadh i idir do’n talamh gu ’n cailleadh i ’feartan. Bha mar an ceudna an ais-innleachd ris an abrar an sgoil-dubh ’n am measg; ’s cha ’n ’eil teagamh air bith nach robh iad ’ga chleachdadh cuideachd. ’S ann a chionn gur ann acasan a thoisich e, ’s gur iad bu trice a bha ’g a chleachdadh, a theirear druidheachd ris ’n ar canain-ne, ’s e sin cleasachd nan Druidhean. Feudaidh e bhi gu’n do ghabh iad aon leasan o’n diadhachd fhirinnich dheth an d’ rinn iad am feum fein, le bhi ’teagasg do’n t-sluagh gur sith ’us sonas a gheibheadh iad ’an deigh am bais. ’S an aimsir is ro shine re na Linn Chloiche bha treun-laoich a’ chath air an adhlacadh le ’n innealaibh cogaidh s’an, a’ ciallachadh gu’n robh iad gu bhi ’cogadh ’s a’ sealgaireachd ’an saoghal nan spiorad, mar an so. Ach an deigh sin, re na Linn Phrais, thainig iad gu bhi ’g an adhlacadh le ’n armaibh air am briseadh a’ ciallachadh gu’n robh iad gu fois a ghabhail tuilleadh. Ach cha ’n urrainn a bhi againn ach barail co dhiubh is iad na sagarta Druidheach a thug gus an atharrachadh borchd so iad no nach iad, a chionn gu bheil eachdraidh na tosd air a’ phuin e. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 128] [Vol. 2. No. 17. p. 8] AM FONN. FONN—“An nochd gur faoin mo chadal dhomh. O! sid am fonn a chuala mi An uair a bha mi og, Mi ’n cluain ri uchd mo mhathar, Is mo chridhe ’snamh ’na ceol; ’S nuair chuala mi a rithist e, Aig nighinn ghil nam bo, Gu’n thalaidh i mo chridhe leis, S’ mi mireagaich mu’n chro! Bu tric, o sin, ’ga chlaistinn mi Mu eadradh, ard-thra noin, ’S mi beadradh, air an airidh, Ri mo Mhairi aillidh, oig; No feadh nan glacag faileanta ’S an tarladh dhuinn, gun gho, Bhi coinneachadh, gu manranach, Fo sgailean choill nan cno. Ach b’ eiginn domhs’ an airidh Agus Mairi chur air chul, Is siubhal fad o’n aite sin ’S an robh mo ghradh is m’ uigh, A sheasamh, anns na blair, An aghaidh namhaidean ar duch’:— ’S an latha dh’fhag mi ’m Braighe Righ! bu chraiteach m’ aigne bruit’! O! sid am fonn a chula mi, ’S a chuaileinich mu m’ chridh’ A’s tric a dhuisg dhomh sealladh Air mo leannan, ’s air mo thir; An uair a bhithinn, airtealach, ’Nam chairtealan, le sgios, Gun taislicheadh e m’ anam ’Nuair a chanainn e leam fhin! Ach thog am fonn an trasa dhomh Fath canrain agus broin; Oir dhuisg e iomhaigh Mairi Is mo mhathar, ’s iad fo’n fhoid— Gach caochladh agus sarach Thainig air na Gaidheil choir, O n am ’s na bhuail an dan ud mi Le gradh, ’nuair bha mi og! EAGAR. SEARMONAN GAILIG.—Shearmonaich an t-Urr. Mr. Sinclair a Toronto, searmon Gailig ann an Orillia, Ont., air a cheathramh latha deug dhe’n mhios so. Bha ’n latha gu math stoirmeil, ach ged a bha, chruinnich aireamh mhath a dh’eisdeachd, moran dhiubh a thainig astar fada. Tha e taitneach a bhi faicinn an tlachd a th’aig na h-uiread de na Gaidhil de chainnt an aithrichean.—Orillia Packet. Shearmonaich Dr. Mac Aoidh, ann an Gaidhlig, ann an Toronto air an t-sabaid mu dheireadh, agus bithidh searmon Gaidhlig eile air a toirt air an ath shabaid ’s an aite cheudna leis an Urramach Mr. Iain Ceanadidh, bho’n Eilean Arrain. Tha duil ri coithional mor,—North American Scottsman. Tha Mr. D. A, Bruce, Charlottetown, E. P. I., air chuairt an Ceap Breatuinn air an t-seachdain so. Tha stor taillearachd aige ann an Charlottetown, agus tha e deanamh moran oibreach, cha’n ann a mhain an Eilean a Phriunnsa ach an Nobha Scotia ’s an aitean eile. Tha e ’n drasda feuchainn ri chur an ceill do dhaoine ’n taobh so gu n dean e obair moran nas fearr s nas saoire na ni na taillearan aca fhein, agus tha aireamh mhath ’ga chreidsinn. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 129] [Vol. 2. No. 18. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 4, 1893. No. 18. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Rinn Canada gle mhath aig Feill an t-Saoghail. Thug a cuid caise ’sa cuid ime mach moran dhuaisean, agus a nise tha na cearcan a cosnadh an cuid fhen dhiubh. Chaidh duine da’n ainm Iain Conroy, a mhuinntir New Brunswick a chur do’n tigh-oibreach air son crodh us eich a choimhearsnaich a phainnseanachadh. Tha e gu bhi ann ceithir bliadhna deug. Tha muinntir Ontaria, air la na bliadhn’ uire so tighinn a dol a thoirt dhuinn am barail air an deoch laidir, co dhiu is coir i bhi air a reic mar ni sam bith eile, no air a bacail air fad. Tha dochas mor aig cairdean na stuamachd gu ’n teid an latha leotha. Cha robh ach aon mhulchag chaise a Ceap Breatuinn ri faicinn aig feill an t-saoghail ann an Chicago, agus bha i sin a factoridh chaise Mhabou. Cha robh ach aon mhulchag a Nova Scotia na b’ fhearr na i, ged a bha aireamh mhath ann dhiubh. Di-sathanne s’a chaidh, chaidh Carter Harrison, Mayor Chicago a mhoirt le duine caothaich d’an do dhuilt e oifig. Thainig e dh’ionnsaidh an taighe aige, chaidh e stigh, agus chuir e tri peilearan ann. Bha Harrison marbh an ceann fichead mionaid. Ranig soitheach-smuid San Francisco an la roimhe, agus bha aice air bord seachd duine deug a tilleadh as na meinnean oir an Alaska, aig an robh air an siubhal tri fichead mile dolar ’sa deich de’n ’stuth phriseil sin. Chladhaich iad an uiread sin leotha fhein ann am bliadhna. Dh’eug Ioseph Peutan, duin’ og a mhuinntir Leitche’s Creek, ann an Sidni-a-Tuath oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e o chionn fhada tinn le tinneas-a-chridhe, ach bha e aig obair Di-haoine agus chuir e seachad am faasgar gun ghearain gu robh ni sam bith cearr air, ’s ghabh e mu thamh mun am a b’abhaist da. An ath mhaduinn fhuaireadh marbh ’san leaba e. Bha e na ghille ciuin stuama ris nach robh dad dona ri radh. Ged do bhruicheadh tu na clachan ann an im, bhiodh iad cho cruaidh s’a bha iad riamh. Air a cheart doigh, ged a bhiodh droch dhaoine air an cuartachadh le saoibhreas agus urram, bhiodh iad fhein cho cruaidh-chridheach sa bha iad riamh. Thug cleireach an aon de bhuithena Montreal lamh air botull de dh’olla truisg an la roimhe, agus dh’ol e lan a bheoil dheth. Cha do chord am blas ris, agus dh’ol e deur beag a botull eile gun suil a thoirt air de ’n stuth a bh’ann. Thachair gur e bh’ ann puinnsean gabhaidh, dh’fhas e tinn agus an ceann da uair bha e marbh. O chionn beagan uine bhrist duine ann an Port Dalhousie, Ontario, a stigh do thigh agus bha roimhe a reir gach coltais, rud sam bith a thigeadh na rathad a ghoid leis. Thug am fear a bha stigh fa-near dha a tighinn troimh ’n uinneig, loisg e air, ’s mharbh e a [?]. Thug e e-fhein suas do’n lagh, ach an deigh an cas a rannsachadh ’sa reusanachadh a mach, thug an luchd-lagha saor e. O chionn treis a dh’ uine bha luchd-dreuchd an rathaid iaruinn aig Mulgrave a faotainn dragh mor le meairlich. Bha bocsaichean gu tric air am bristeadh, agus nithean air an toirt asda a bha ’cur call mor air an fheadhain da’m buineadh iad. Air an t-seachdain s’a chaidh rugadh air triuir dhaoine a dh’aidich gu robh iad ciontach, agus chaidh an cur a stigh a dh’ fheitheamh air cuirt an ath shamhraidh. Tha Cleveland ’sa phairtidh an deigh a chuid eile de luchd-deanamh-lagha nan Staitean a thoirt gu striochdadh, agus bi’dh nise gach cuis air a ceartachadh a thaobh cuinneadh an airgid. Nuair a theid gnothuichean a shocrachadh mar sin, cha’n eil teagamh nach tig cuisean gu bhi na’s rianaile air feadh nan Staitean na tha iad. Bha moran boil us breislich am measg cheannaichean us luch-oibreach ’san duthaich sin o thoiseach an t-samhraidh s’a chaidh, agus bha chuid mhor de’n choire ri chur air na laghannan a bh’air an deanamh a thaobh an airgid. Tha iad so a nis air an tort air falbh agus tha e na aobhar dochais gu’n teid gach ni na aite fhein, agus gum bi na Staitean an uine ghoirid cho soirbheachail ’s cho pailt s’a bha iad roimhe. [TD 130] [Vol. 2. No. 18. p. 2] SUIRIDH PHARUIG-’IC-AN-TUAIRNEIR. Tha Paruig Mac-an tuairneir aithnichte gu math cheana feadh na duthcha ’s cha ruigear a leas moran a radh mu thiomchioll. Theagamh gur aithne dhuibh e moran na ’s fhearr na mi fhein; ach cha chreid mi nach ’eil mis’ eolach air cuid d’ a eachraidh air nach ’eil fhios aig a h-uile h-aon. Bha Paruig, mar is math is aithne dhuibh, na dhuine diuididh, athach fad a laithean, a rachadh a steach do na frogan roimh fhuaim gath ard na droch fhacail; agus bha e ’n a ioghnadh do na tri sgireachdan aig am a phosaidh c’ aite ’n do ghlac e a mhisneach Ciorstan-nic-a’ ghlaisein iarraidh mar mhnaoidh; agus tha e na ioghnadh fhathast anns an aite do’n ghineal a rugadh bhuaith sin. Bithith sibh fada ’n am chomain, ma ta, ma dh’ innseas mi dhuibh mar ’thachair a chuis—ach air a chumhnant so—nach feoraich sibh co dh’ innis dhomh e. Cha robh aiteach Pharuig na ’s mo na s lugha na tha e an drasd—air aon seisearach (ach sin eadar da sgeul.) An deireadh na bliadhna da fhichead thainig earchall air aon do na h-eich aige leis a ghalar-ghreadhainn. Bha e gle dhuilich mu dheidhinn so, araon airson luach an eich, air sgath a bheothaich fhein agus an dragh a bhitheadh aige fear eile fhaighinn a lionadh ’aite. Thachair dha ’bhi ’g innseadh do’n ghobhainn mar a dh’eirich dha. A, dhuine so” ars’ easan bu choir dhuit dol a nunn do Bhail’-an-fhuarain a d’ fhaicinn Dhonnachaidh ’Ic-a-ghlaisean mu’n lair bhig ghlais aige. Bha e direach ag radh rium a la roimhe gu’n robh i tuille ’s aotram air son na h-oibre aige-san; agus gu’n robh e a smaointeach a creic. Tha i ’na beothach faicilleach, smiorail agus bhitheadh i anabarach freagarach dhiutse. Tha mi fhein a dol ceum an rathad an deigh mheadhon latha, agus ma’s math-leat theid mi a-stigh anns an dol seachad, agus innsidh mi gu bheil thu tighinn a nios agus ciod air son.” “Gu dearbh, Chaluim,” arsa Paruig, “bithidh mi fuathasach toilichte ma ni thu sin air mo shon. Bha mi smaointeachadh timchioll a’ bheothaich sin mi fhein; ach a thaobh na coimhearsnaich a bhi gun stad a tilgeil Ciorstan a nighean orm—ged nach d’ thubhairt mise riabh na ’s mo na “la math” anns an dol seachad. Naile! dheanainn rud ’s am bith mu ’m faiceadh iad mi dol do Bhail’-an-fhuarain na ’s lugha na bhith ’s leisgeul sonnruichte agam.” Tha an gobhainn ’na dhuine pratach, abhachdach mar is aithne dhuibh uile, agus de ’ur barail, ’nuair a chaidh e do Bhail-an-fhuarain agus gu ’n do dh’ innis do Dhonnachadh gu’n do chuir Paruig Mac-an-tuairnear e suas a dh-aon obair a dh’innseadh dha gu ’n robh e tighinn anns an anamoch a dh’ iarradh Ciorstan air mar mhnaoidh; agus gu’ robh aige gu bhi smaointeachadh air a chuis eadar an da am agus freagradh cinnteach a thoirt dha ’nuair tigeadh e. Chaidh an gobhainn fhailteachadh gu cridheil, caoimhneil; dh’ iarradh a thighinn-a-stigh agus fuireach gu thrath-feasgair; agus bha a h-uile urram air a thoirt do gach facal a thubhairt e, gach ceisd a chuir e agus gach barail a thug e. “Tha Paruig Mac-an-tuairnear ’n a ghille coir grunndail” ars’ an seann tuathanach, agus ’s e bheatha gu laimh mo nighinn la ’s am bith anns an t-seachduin. Thigeadh e air aghart, a Chaluim, gun chuireadh, gun iarraidh air a ghnothach air a bheil aire. Ged a bhitheadh agam ceud nighean, gun ghuth air nach ’eil agam ach an t-aon, cha ’n iarrainn a dh’aon dhiubh posadh na b’ fhearr na Paruig Mac Dhonnachaidh Mhic-an-tuairnear,—mac an deagh athar.” ’Nuair a bha ’m feasgar dorcha gu leoir chuir Paruig a bhreacan m’ a ghuaillibh agus chaidh e suas taobh na callaide rathad Bhail’-an-fhuairain. Air bualadh dha aig an doras chaidh a bheatha dheanamh le bean an-taighe agus bha e air a stiuireadh gu modhail a staigh da ’n t-sheomar-shuidhe far an robh fear-am-taighe garadh a ladhran ris an teine, sgeadaichte ’na dheise chaomhanta agus ann an gean math a feitheamh air a theachd. An deigh a bhi treis a cnacaireachd mu’n t-side, mu phrisean, galar a bhuntata, agus iomadh ni de ’n leithid sin, thug Paruig os cionn buird an gnothach mu ’n d’ thainig e le bhi ’g radh. “Tha mi am beachd gu ’n do dh’inns an gobhainn dhuibh gu robh mi tighinn a nios an nochd, a Donnachaidh, agus de ’bha mi tighinn ma dheidhinn.” “Gu dearbh dh’ innis e sin ars an tuathanach, “an da chuid gu’n robh thu tighinn agus a ni mu’m robh thu tighinn ma dheighinn; agus so tha mi ’grath gu’n do chuir bean an tighe ’s mi fhein ar cinn ri cheile an deigh ar trath-feasgair agus tha sinn araon lan-thoilichte mu ’n gnothach.” “O ’s math leam sin” ars Paruig, oir, a dh’ innseadh na ’m firinn, bha suil agam oirre bho chionn treis air ais, agus bu ro-mhath leam a faotainn. Tha i ’na creutair boidheach, soitheamh; agus tha ’n gobha ’g radh gu ’m bheil i math gu obair aig rud ’s’an bith ris an cuirear i. “Bho ’n is leam fein i, a Pharuig, theagamh nach bu choir dhomh so a radh” ars’ an tuathanach, “ach tha i cho math ’s a tha i cho boidheach. Cha ’n ’eil ann am maise ach blath a sheargas ri uine co-dhiu; agus tha mi toilichte nach ann airson a boichead a mhain a tha thu ’g a sireadh ach gu bheil thu cuir an urram a’s airde air a deagh bh[?]. Thubhairt thu gu sonnraicte gu robh i na deagh orbriche agus tha mise ’g a dhearbhadh; bha i ’na cuideachadh agus bha comhfhurtachd dhomhsa ann an sin. Tha i’n siod, ’s cha ’n fheum i ’n ath-iarraidh ni ’s am bith a bha dhith orm a dheanamh. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. [TD 131] [Vol. 2. No. 18. p. 3] Bithidh sinn ’ga h ionndrainn gu goirt, ach—” “Tha mi saointeachadh gu bheil i slan, fallain, gun mheang” arsa Paruig, “cha n eil i sean co-dhiu; tha cuimhn’ agam gu math nuair a fhuair sibh i, agus—” “Tha e fior gu bheil i og na ’s leoirach ’s e sin coirre ’bhios daonnan a leasachadh,” thubhairt an tuathanach mar gu ’m bitheadh e bruidhinn ris fein,” ach cha’n ann a h-uile la ’thig Paruig Mac-an-tuairneir air a toir.” Bha samhchair ann eatorra car tacain am feadh a bha Paruig a tionndadh a bhoineid bho ghlun gu glun: ach ma dheireadh, gun e thogail a chinn thubhairt e, “agus cia meud a bhios sibh a sireadh oirre Dhonnachaidh?” A sireadh oirre! a ghaoil a Mhaithis, a Pharuig, na cluinneam facal air a leithid sin idir!—ged a fheumas mi aideachadh gu bheil tuilleadh barail agam ort nach ’eil thu diultadh a ceannach direach mar a rinn Iacob roimhe so Rachel. Tha e leigeil fhaicinn dhomh gu bheil i a dhith ort air a son fhein a mhain. An aite bhi ’g iarraidh airgid air a son rinn sinn suas ar n-inntinn rud-eigin a thoirt leatha, agus rud-eigin is fhiach an t-saothair, ged nach abair sinn an nochd gu de bhios ann.” Air cluinntinn so dh’ eirich Paruig ’n a sheasamh air a chasan agus dh’fhosgail e a shuilean le iongatas air fiughantachd a chairid, agus sin na bu mho’ gu’n robh e modhachail air nach b’ urrainn da a thairgse a ghabhail. Mar bu dual dha bho athair tha spiorad na neo-eismeileachd ann nach leigeadh leis a bhi ’n eismeil duine beo am faodadh a leasachadh; agus fhreagair e mar so, “Dhonnachaidh-Mhic a-ghlaisein, tha mis air bheag bhriathraibh ach seasaidh mi ris na their me. Tha do thairgse tuille ’s riasanta agus cha ’n urrain dhomh ghabhail. Cha duin’ aig a bheil moran saibhris mi ach, bheir mi ann do laimh £20 air a son; agus cha’n iarr mi leatha, ’s cha ghabh mi leatha ach seann bhrangas m’a ceann g’ a toirt air leathad thun an rathaid mhoir.” “Dean suidhe, Pharuig, dean suidhe, a dhuine, ’s leig leinn cur a mach air a cheile m’a tochradh. Ach tha do bhriathran a cur ioghnadh orm. C’ ar son brongas?” “C’ar son tochradh?” dh’fhaodadh Paruig fhoighneachd, ach cha thubhairt e diog; dh’fhairich e fhein troimh cheile. An deigh tacain thainig e g’ a ionnsaidh fein agus thubhairt e. “Dh’fhaodamaid solus fhaotainn ’s a dhol do’n stabull g’ a faicinn agus theagamh gu ’n tig sinn gu cordadh an deigh sin.” Cha ruigear a leas dol an sin, a Pharuig; tha i gu h-ard an staidhir.” “’S neonach an t-aite sin a ghleidheadh na laire glaise” smaointich Paruig, ach mu’n robh uin’ aige facal a radh chaidh an tuathanach gus an dorus agus ghlaodh i.” ’Chiorstain, a Chiorstain, trothad a so.” Thainig Clorstan a-stigh mar gu ’n robh faraire ’s an tigh agus i fo rudha gruaidh bho chlar a h-aodainn gus a smig. “So agad Paruig Mac-an-tuairnear” ars’ a h-athair, “agus is docha leam gu’n do dh’ innis do mathair dhuit de tha ’g a thoirt an so—” Dh’ fhairich Paruig a chridhe maothachadh an taobh a stigh dheth agus mulc ’na mhuineil cho mor ri dha dhorn—“ged nach robh sibh riamh ri suiridhe b’ aithne dhuibh a cheile a h-uile la d’ ur beatha agus le ’r deagh cheill ni sibh caraid freagarach d’ a cheile, tha mi creidsinn. Tha Paruig ag radh gu bheil easan fior-thoilichte d’ fhaotainn, a Chiorstan. Bheil thusa toileach mar an ceudna? Fhreagair i gu foill. “Tha” anns an osna bu chaomhaile, nach mor nach do chuir Paruig ’n a bhreisleach. Thainig fuaim ’n a eanchainn mar gu ’m bitheadh nead seillean ann, thionndaidh a shuilean ’n a cheann, thuit a chean-naodach as a mheoir agus sheas e mar sin fad choig minaidean cho neo-ghluasadach ri bean Lot ’nuair a dh’fhas i na carraig shalainn. De ’s am bith a bharail a bh’ aige, gu brath cha ’n fhaighear a mach, ach ’se so na thubhairt e, agus b’ fhearr leam gu’n cluinneadh sibh e. “Gu dearbh a chairdean, ’s i so a mhearrachd a’s sona leam a thachair dhomh uile lathain mo bheatha. Thainig mi ’n so an cinnseal na lair ghlais a cheanneach, ach na h-aite fhuair me an nighean. Ach, ma tha sibhse toilichte, ’s amhuil tha mise.” Bheir sibh fainear gu bheil am mac a ’s sine aig Paruig air ainmeachadh air a ghobhainn. V. Leighis MINARD’S LINIMENT druim ghoirt orm sa. An t-URR. UILLEAM BROWN. Leighis MINARD’S LINIMENT greim cluaise ormsa. MRS. S. KANLBACK. Leighis le MINARD’S LINIMENT droch sgamhan ormsa. MRS. S. MASTERS. Cha ’n ’n eil iuchair ann a’s fhear a dh’ fhosglas cuid de ghlasan na iuchair airgid. Ach an dorus nach gabh fosgladh ach le iuchair airgid, feumaidh gu bheil ni eiginn cearr air a ghlais aige. Tha ’n t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S., ag radh:—An deigh K. D. C. a chleachdadh beagan uine tha mi dhe’n bharail gur leigheas math e. Mholainn dhaibh-san aig a bheil droch stamag a ghabhail. Rugadh gille ann an Kentucky an la roimhe, gille boidheach, lurach, aig a bheil athair a tha tri fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’aois, agus mathair a tha tri fichead ’sa h-ochd. Thugadh Grover Cleveland mar ainn air. Tha braithrean aig an urra bheag so a tha nan seanairean o chionn aireamh bhliadhnachan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSED & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 132] [Vol. 2. No. 18. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 4, 1893. Tha eagal oirnn gu bheil cuid de’r cairdean gar di-chuimhneachadh. Tha moran diubh nach do phaigh air son a MHAC-TALLA fhathast. Tha sinn an dochas nach bi sin againn ri radh moran nas fhaide. Deanadh gach aon a dhleasanas fhein ’s bidh gach ni ceart. Tha e ro choltach gu bheil na h-Arabich a cur rompa cogadh cruaidh agus searbh a chur ri muinntir na Roinn-Eorpa. Tha iad fhein ’s na Spainntich aig obair cheana agus cha’n eil fhios de fhad ’sa leanas iad mur cuir Breatuinn ’s rioghachdan laidir eile an cinn cuideachd gus na h-Arabich a chumail fiodha. ’S iad so an sluagh a chaidh an ire mhath air an Roinn-Eorpa uile chur fodh’ ’n casan corr us mile bliadhna roimhe so, agus bha chuis a dol leotha gu math gus an d’ fhuair iad garg thilleadh o na Frangaich. Riamh uaithe sin tha iad a dol air ais, agus tha ’n cumhachd a dol nas lugha gach latha gus a bheil iad a nis air an aireamh am measg threubhan fiadhaich Africa us Asia. Dh’ eug Sir Iain Abbott ann am Montreal feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha e tinn uine fhada. Bha e na Phriomhair air Canada an deigh bas Shir Iain Domhnullaich, agus bha ’n obair cho trom air ’s an iomgain cho mor ’s gun na bhrist air a shlainte cho dona ’s gu’m b’ fheudar dha an onair a leigeil uaithe. Bha e o’n uair sin air falbh ’s an Fhraing, ’s anns an Eadailt, an dochas gun rachadh e na b’fhearr le bhi air chuairt anns na duchannan blatha sin, ach cha b’ ann mar sin a bha, agus ’nuair a thill e ’san t-samhradh s’a chaidh bha fhios aige fhein ’s aig muinntir eile nach robh ’uine fada. Bu duin’ e a chuir moran de laithean seachad ann an tigh na parlamaid, agus a rinn moran oibreach ri latha fein. Rugadh e faisg air Quebec ’sa bhliadhna 1821, agus bha e mar sin tri fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’aois. Rinn a Bhan-righ ridire dheth air a latha breith fein an uiridh. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile, Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: Domhnull Dewar, Laggan, Ont. Iain Mac ’Ille-mhoire, “ “ Tormod Mac Leoid, New Victoria, C. B. Domhnull D. Mac Leoid, Framboise. Raonul Domhnullach, Loch Side. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. Calum Dewar, do. Iain Mac Coinnich, Nyanza, C. B. Tormod Domhnullach, Addington, N. S. Calum Buchanan, Bradalbane, E. P. I. Donnacha McKinley, do. Domhnull Caimbeul, Kinross, E. P. I. Mairi Nic-Gilleain, Victoria Mines. Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake. An t-Urr. M. A. MacPhersain, L. B. d’Or Muracha Mac Fhionghain, Glen’y Valley. Lachuinn MacFhionghain, Margaree Har. Aonghas Mac Aonghais, Georgeville, N. S. Seumas Mac Ille-mhaoil, Wood Islands E. P. I. A. B. Domhnullach, Meat Cove, C. B. Tuilleadh anns an ath aireamh Tha Miss Jane Young, aon de ribhinnean oga Thoronto an drasd a cur as deigh fear Seumas Smith air son gealladh posaidh a thug e dhi ’s nach do cho-lion e. Tha i ’g agairt coig mile dolar. Tha i deiseil gus a dhearbhadh gu robh ’n reiteach air a dheanamh o chionn da bhliadhna, ach air dhasan a bhi ’san oilthigh ag ionnsachadh na dotaireachd, thachair te eile ris, air na ghaabh e meas, agus phos iad. Dh’eug Ailain Domhnullach, seann duine coir a rinn a dhachaidh sa bhaile so o chionn aona bliadhn’ deug, maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, an deigh dha aois mhor a ruigheachd. Rugadh a ann an Uibhist a chion a deas ’sa bhliadhna 1802, agus ’nuair a bha e coig bliadhna fichead a dh’aois thainig e air imrich do’n duthaich so. Shuidhich e air Beinn Abhainn Dhennis an Siorramachd Inbhrinis, far na thog e teaghlach mor. Tha dithis d’a chuid mhac air a bheil gach aon an taobh so de Nova Scotia gle eolach, an Dotair Domhnullach, comhla ris an robh e fuireach anns a bhaile so, agus an Senator Domhnullach. ’Sa mhaduinn Dior-daoin s’a chaidh air da ’nighean a dhol a dh’ ionnsaidh na leapa le bhiadh-maidne fhuair i gu robh e air caochladh re na h-oidhche. Cha robh coltas gu robh trioblaid sam bith air mu’n d’ eug e. Bha e na dhuine air an robh deagh chliu aig gach aon do’m b’ aithne e, agus mu nach b’ urrainn neach sam bith labhairt gu h-olc. Bha e ceithir fichead bliadhna s’a h-on deug a dh’aois. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gun Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 133] [Vol. 2. No. 18. p. 5] OIDHCHE SHAMHNA. Ceadaich dhomh focal no dha ’chur sios mu oidhche Shamhna. Ma chi thu nach toir iad mi-chliu, bi ’mise gle thoilichte ma bheir thu oisinn daibh, oir tha mi an droch staid, agus ma tha leigheas domh air thalamh, ’si mo bheachd gur h-ann am measg do luchd-leughaidh a gheobh mi e; air an aobhar sin bi trocaireach mar bu dual duit o d’ shinnsearan. Mar tha fios agadsa, tha mi gun cheile, agus, a reir cleachdadh mo dhuthcha, smaoinich mi gu’m feuchainn de ’m fortan a bha romhan, air oidhche shamhna. Le sin na mo bheachd dh’ fhalbh mi fein agus mo charaid “Mac-Shimidh,” gu taigh sean bhoireannach a tha ’san aite leis an cleachdach a bhi leughadh na’n copan: ach air an oidhche seo, ’s ann a bha i ’leughadh na’n uibhean. Bha triuir nighean a steach maille rithe agus gach te dhiubh air “bhiod” air son a fortan a chluinntinn. Cha bu luaithe rainig sinne na riuth an triuir a mach air an dorus chuil; agus ma dh’ innseas mi ’n fhirinn duit-se cha robh sinne bronach, oir cha bu toigh leinn a bhi ’g eisdeachd na caillich a’ leughadh na’n uibhean, agus gu ’n robh sinn cinnteach gu’m bitheadh na caileagan a magadh a ris oirn. Bhrist a chailleach ubh, agus gu curamach leag i leis a ghealagan ruith do’n ghloinne (aig an am cheudna gle thoitheach nach gluaiseadh am buidheagan, oir na ’n tuiteadh boinne dheth sa ’ghloinne maile ris a’ ghealagan ’s ris an uisge, cha bhiodh a’ chuis cho math.) An deigh do’n ghealagan a bhi mar bu mhiannach leis a’ chaillich, chuir i a bois air beul na gloinne ’s chrath i i gu h-iollagach aig an am cheudna ’g ainmeachadh araon “Mhic-Shemidh” (air ainm ’s air a shloinneadh) agus an fhir nach tig an comunn nan criosduidhean. Leag i ’n sin leis na bha ’sa’ ghloinn stoladh, ’s shin i-fhein air aithris rann no ubag air chor-eigin. Leugh i ghloinne, ’s dh’ innis i do “Mhac Shimidh,” ni, ma tha e fior, a ni ’na dhuine sona e, cho fada ’sa bhios ’anail a’ dol sios a’s suas. Air a mhodh cheudna, leugh i mo ghloinne-se ach ’s duilich leam nach d’ thug i misneachd sa bith dhoth. Dh’ fhalbh sinn an sin a tigh na caillich a’s dhealaich mi-fein ’s “Mac Shimidh,” agus chaidh mi do thaigh eile, agus air dhobh dol a steach, bha fear ann an sin ’sa cheann gu ruig a ghuaillean ann am ballan uisge, feuchainn an tugadh e sea sgillinn de ’ghrunnd. Theirteadh na’n tugta an t-sea sgillin a grunnd a bhallain uisge, leis na fiaclan, gu’m faigheadh a neach a dheanadh sin ceile, luath no mall. Chuir mi fhein mo cheann ’san uisge, agus gach uair a dh’ fheuchainn ri chur fodha, thigeadh an aileag orm, ’s ged a bhithinn a stri ris an t-sia sgillin a thogail a fhathasd cha bhithinn dad n’a b’fhearr; agus sguir mi, oir bha e cho fasa dhobh snaoisean fhaighinn o “Dhomhnull na Gealaich” ’sa bha e dhoth greim ’a dheanamh air an t-sea sgillinn. Dh’fhiach mi’n sin ri ubhall a thoirt as a’ bhallan, ach cha b’e dad a b’ fhasa dheanamh; a’s gheill mi. Chuireadh an sin brat air m’ eudainn, gus an robh mi cho dall ri fath; agus chuireadh tri triunnsairean air mo bhial-thaobh, fear falamh, fear lan a dh uisge glan, agus, le do cheadsa, am fear eile lan a dh uisge salach. Bha agam ri mo lamh a chur ann am fear diubh, agus a rear an fhir ’san cuirinn i, bha m’ fhortan’ ’sa bheatha seo gu bhi air a thaisbeanadh. Tri uairean an deigh cheil chuir mi mo lamh ’s an triunnsair fhalamh; as le corraich thilg mi ’m brat de ’m aghaidh. Fhuair mi an sin ubhall agus chaidh mi leis gus an sgathan; oir chuala mi, na’n ithinn ubhall ag coimhead ris an sgathan agus coinneal a’ lasadh na’m lamh chli, gu’m faicinn iomhaidh mo leannain. Rinn mi mar dh’iarradh orm, ach an truaighe iomhaidh a chunnaic mise ach m’ iomhaidh fein! Shin iad an sin air losgadh chnothan; ’s a chiad dithis a loisg iad (Mac Shimidh ’s a mhaighdeann) “ghabh” iad cho aillidh agus gu’n eilticheadh tu fein riutha, fhir mo chridhe. Loisgeadh an seo mi-fein agus an te air an robh mi ’n toir o ghlun mo mhathar,—s ma loisgeadh “ghabh” mise, ’s “chrag” se. Cha b’urrainn mi seasamh ris a’ chorr, ’s dh’fhag mi ’n taigh le corraich agus thug mi ’n iolainn orm, a spionadh dhias as a’ chruaich choirce. Bha fadal mor orm gus an tigeadh an dias, agus mi ’n dochas gu’m biodh i tarbhach, torrach, ach mo dhiubhail! cha robh aon siallan oirre! As an iolainn thug mi ’n ath orm, agus thilg mi ceirsle shnatha ’ghoid mi air mo mhathair suas do chro na h-athainn, a’s dh’eigh mi “co tha siod air ceann mo shnathain?” Ach cha d’fhuair mi freagairt; a’s gu dubh-chridheach b’ eiginn tilleadh dachaidh. A’ dol dachaidh smaonaich mi air oidheirp, eadhon an oidheirp dheareannaich; mo mhuilicheann a bhogadh ann an allt sa bith air an robh beo a’s marbh a dol seachd. Rinn mi seo, chaidh mi dhachaidh, a’s chaidh mi ’laidhe. Chuir mi mo mhuilicheann fliuch fo mo cheann agus mi ’n duil gu’m bruadairichinn air ailleag air chor-eigin; ach cha do bhruadair, agus air dhomh eiridh ’sa mhaduinn bha mi “sgith trom airtneulach.” Nise a charaid dh’innis mi dhuit mar dh’ eirich dhomh oidhche shamhna. Cha bu mhath leam a bhi na mo sheann fhleasgach, agus sin gu h-araid o’n tha ’n sean-fhocal ag radh “gur fada bu choir dol a dh’fhaicinn fear nach fhaigheadh bean.” Theagamh gu’m faighinn-se te, ach ’se ’m mi-shealbh a bh’ orm riabh—an te a gheobhainn cha ghabhainn. Bha mi ’n toir air iomadh te ach de dheth sin, cha ghabhadh iad mi. An nis a tuigeas tu-fein mo staid a’s theagamh gu’n cuir thu focal math a steach air mo shon ri aon de na h-oighean maiseach a tha leughadh do phaiper. Ma gheobh thu eolas air te a shaoileas tu ’thaitneas rium, abair rithe gur ann innte-se tha ’n eis, ’s nach ann annam-sa. * * Seall mo dhealbh do the ’sa bith leis am miannach fhaicinn!—MAC-DHOMHNUILL DHUIBH, ANNS ’A GHAIDHEAL. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 134] [Vol. 2. No. 18. p. 6] Oran Dealachaidh. SEID.— Eirich agus tiugainn o! Eirich agus tiugainn o! Eirich agus tiugainn o! ’Se crioch gach comunn dealachadh An cuimhne leats’ an gleannan uain’ Far an robh sinn og a’s luath, A’ buain nan sobhrach feadh nam bruach, ’S gun luaidh againn air dealachadh. A’s far an robh sinn ait le cheil’, A’ ruith a’ bhradain leis an leus, ’S a’ sealg a’ choilich air a’ gheig, Mu’n d’ thog sinn ceum an allabhain. Ach ’s cian bho’n sgaoil sinn deas a ’s tuath, Chaidh cuid thar bheann a’s cuid thar chuan, Cha chluinn mi ’n diugh an coileach ruadh, Ged bheirinn duais nach canainn air. Ach far do lamh mo charaid ciuin, A’s cuir an smalan so air chul, Oir chi sinn fhathast tir nan stuc, A’s bidh sinn sunndach aighearrach. O, eiribh ’illean, lionaibh suas, A’s cuiribh farumach mu’n cuairt, Do thir nan beann, nan gleann, ’s nan cruach, Gun ol sinn cuach ’s an dealachadh! Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. IV.—Air a Leantuinn. “Ach cha d-innis thu dhomh t’ ainn,” thubhairt Peadar gu baigheil, “’Se ’s ainm domh Delileh; ’s mi nighean an t’ sean Nathair, agus ann an duchas do na teaghlaichean as fearr mar a ta na Luciferan bho Hades a Ridire Esan, fear tionndaidh mu’n cuairt, na h-Iscariots o Ierusaleim. Tha mo phiuthar Iesebel posda ri Righ. Dh’fas Peadar fuidh naire a thaobh deise Seoladair bhi uime agus nuair chunnaic Delilah so, thubhairt i: “Nach tusa Mac Talamh Dearg” a dh-fhag Babilon ann a Sgeul a Mhor Aoibhneis?” Rinn Peadar aicheadh le mionnan, ag radh gar e b’ainm dhasan Simon “Ciod!” thubhaird i, an t-usa caraid Simon Mor Magus, lighiche na Teaghlaich againne?” Dh’fhan Peadar na thosd. An sin air dha Delilah fios bhi aic gu robh e g-innse bhreug dh-fuathaich i e na cridhe—am feadh a ghair i na aodann, agus i ga threorach gu sgrios. Am feadh bha iad coiseachd air adhart, dh-amhairc Peadar an sid ’s an so airson luchairt aluinn; ach co a chuireas an ceill uamhas-san nuair threoich Delilah e dh-ionnsiudh cladh far an robh seann duine crotach a lomadh gheugan dheth craobh sheargta? Thubhairt Delilah “’S e so m’athair, Chriothnaich Peadar agus theicheadh e, ach dh-fhailnich a threoir e. Air do’n t-Seann Nathair guth a nighinn a chluinntinn thionndaidh e mu’n cuairt agus choisiche na codhail. Dh’fhas fuil Pheadair fuar thuiteadh e, ach rinn strac de chuip glaodh ard agus goirt a thoirt as. Thainig aon da ionnsuidh da m’ ainm Tighearna na Cogais, Sealgair cumhachdach a labhair le guth garg: “Ciod tha thu deanamh a so a Mhic Crosduidh?” Chriothnaich an talamh; bha eagal air Peadar gu fosgladh e ’s gu sluigeadh e e. (Ri Leantuinn.) Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathail cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Cleachdidh dotairean Minard’s Liniment Ma thig ort a dhol a dhireadh beinne, cha’n eil doigh is fhearr dhuit na gabhail ceum air cheum air d’ aghaidh air do shocair fhein gus an ruig thu am mullach. Mar is lugha a ni thu do ghearain air na tha agad ri dheanamh, is ann is eutruime a dh’ fhairicheas tu an obair. Glanidh agus neartichidh K. D. C an stamag gun milleadh no lagachadh sam bith a dheamh. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI,- - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 135] [Vol. 2. No. 18. p. 7] NA TAILLEARAN. LE IAIN. (Air a Leantuinn.) Agus mar a bha e leis an olc, thoisich e air chur char de’n chiste. Chuir e air a taobh i, agus chuir e air a ceann i, agus chuir e ’mas os a cionn. Nam b’ fhior e fhein, bha e ’feuchainn ri greim fhaotainn air ceann an t-snath. B’ i so a’ chiste anns an robh a h-uile ni a b’fhearr a bha staigh. Bha baine agus uachdar agus im agus uighean agus min innte, agus na soithichean a b’ fhearr a bha ’n taobh a staigh de ’n dorus. Bhristeadh na soithichean ’nan criomagan beaga, agus chaidh am baine ’s an t-im ’s an t-uachdar ’s na h-uighean ’s a’ mhin air feadh a cheile. An uair a thainig bean an-taighe dhachaidh bha ’n taillear ’na shuidhe aig an teine ’s a chasan bac air bhac, agus langan aige air gabhail oran. Ghabh a’ bhean bhochd ioghnadh an uair a chunnaic i nach d’ rinn e car obrach fhad ’s a bha i air falbh. “Tha eagal orm, a bhean, gu’n d’ rinn mise barrachd de chron na rinn mi de mhath o ’n a dh’fhalbh sibh. Bhrist an snath-fuaghail ann an toll na glaise mu’n do tharr sibh a dhol a mach, agus o nach robh toil agam a bhith ’nam thamh gus an tigeadh sibh, chuir mi car no dha de’n chiste feuch am faighinn greim air ceann an t-snath. Cha do smaoinich mi gu robh dad ’na broinn a ghabhadh bristeadh,” ars’ an taillear. Cha mhor nach do thuit a’ bhean bhochd as a seasamh far an robh i an uair a chual i mar a bha. Bhuail i na basan, agus thoisish i ri tuiream ’s ri caoineadh. Ma bha tur innte cha do ghabh i amhrus meirlich air duine coir, onarach gu brath tuilleadh. Bha gille og ann aon uair, agus an uair a bha e ’g ionnsachaidh na taillearachd thachair gu ’n deachaidh e fhein agus a mhaighstir a dheanamh deise chlo do thaigh duine choir, chothromaich a bha ’fuireach ann am baile a bha began mhiltean a ’n aite anns an robh iad a’ fuireach. Tha e coltach gu robh nadur mosach, neonach, anns an taillear. Ged bu ghle mhath leis fhein biadh math fhaotainn anns gach taigh anns am biodh e ’g obair, cha robh e idir deonach gu faigheadh a ghille a h-uile seorsa bidh a gheibheadh a fhein. Bhiodh e’n comhnuidh ag innseadh anns gach taigh anns am biodh e ’g obair nach itheadh an gille an ni ud no ’n ni ud eile. Bha fhios aig a ghille air so gle mhath, ach bha e car coma teannadh ri ’mhaighstir a dheanamh breugach ann am fianuis muinntir an taighe. Ri uine bha ’n gnothach a bh’ ann a’ saruchadh a naduir. Mu dheireadh, chuir e roimhe nach cuireadh e suas le cuisean mar a bha iad ni b’ fhaide. An latha thoisich e fhein ’s a mhaighstir ri obair anns an taigh so, thuirt bean-an-taighe ris, “Is mi a tha duilich nach ith thu im no caise idir. Cha ’n ’eil annlann eile pailt againn aig an am so. Tha eagal orm nach teid agad air biadh gun annlann a ghabhail.” “Ithidh mise im is caise cho math ri fear dhe mo sheorsa anns an duthaich,” ars’ an gille. “Is mi a tha toilichte sin a chluinntinn. Is e do mhaighstir fhein a thuirt riumsa nach itheadh tu im no caise,” arsa bean-an-taighe. “Na tugadh sibhse geill ciod a their mo mhaighstir; oir bidh e ’dol iomadh uair as a rian. Feumaidh sibhse ’bhith air bhur faicill roimhe. Cha toigh leam an coltas a th’ air an diugh fhein. Cha chomhairlichinn a dh’ fhear-an-taigh no do na gillean a dhol fada o ’n taigh an diugh, gun fhios ciod a dh’ fhaodadh tachairt,” ars’ esan. “Ach am fas e gle fhiadhaich?” arsa bean-an-taighe. “Fasaidh mur a grad cheangail iad e cho luath ’s a bhuaileas e a dhorn uair no dha air a bhord,” ars’ esan. Coma leibh an ceann greise chuir an gille an siosar am falach, agus an uair a thoisich an taillear ri iarraidh an t-siosair agus nach robh e ’g a fhaotainn, bhuail e dhorn uair no dha air a’ bhord. Ach ma bhuail, bha fear-an-taighe agus a dhithis mhac air am bonn cho ealamh ris an fhudar; agus ann an tiotadh rinn iad ceangal nan tri-chaol air an taillear. Cha robh fhios aig an duine bhochd ciod a theireadh e; oir cha b’urrain e ni sam bith a dheanamh. Mu dheireadh ghuidh is ghrios e ris a’ ghille e ’ga fhuasgladh. Bha truas aig a ghile ris, agus fios aige gle mhath gu robh e cho rianail ’na ’inntinn ri fear ’s an duthaich, ged a bha muinntir an taighe an duil gu robh e air an dearg chuthach. Mu dheireadh thuirt an gille ris gu fuasgladh e nan gealladh e nach biodh e ’g innseadh tuilleadh nach itheadh esan im no caise. Gheall e so, agus fhuair e air a bhonn, agus riamh tuilleadh leig e leis a’ ghille am biadh a thogradh e itheadh. Iarr Minard’s Liniment, ’s na gabh an corr. Na b’ fhiach leat a bhith ’toirt geill do gach facal suarach a theirear mu do thimchioll. Cha mhisd a’ ghealach na coin a bhi comhartaich rithe. Cha mho na sin is misd thusa daoine suarach a ith ’g ad chaineadh. Minard’s Liniment, caraid nan tuathanach. Faodaidh gu’n tuirt a chaora anns a’ pholl; ach tha tlachd aig a mhuic a bhit anns a’ pholl an comhnuidh. Faodaidh duine math olc a dheanamh uair us uair ach bi’dh an droch dhuine ri olc a ghuath. Cum Minard’s Liniment san tigh. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 136] [Vol. 2. No. 18. p. 8] LEATHANICH CHOLA. Bha Niall, treas mac Lachinn, an Siathamh Leathanach a bha air Cola, a fuireach an Druimnacroise. Bha da mhac aige, Eachann agus Ailain Ghrisipuill. Chaidh Eachann a mharbhadh aig Dunchaillinn. Bha Lachinn a mhac posda ri Mairearad nighean do Mhr Alasdir Mac-Dhomhnuill, agus piuthar do dh-Alasdir mac Mhaighstir Alasdir, am bard. Phos Ailain Ghrisipuill Catriona, nighean Eoghin Mhic Gilleain am Bailephetris an Tirithe. Bha sianar chloinnne aige, Lachinn, Iain, Niall, Ailain, Fionnaghal, agus Mari. Bha Mari posda ri Iain Mac-Gilleain ann an Giudal an Rum. Bha sianar chloinne aig Iain Ghiudil, Tearlach, Ailain, Niall, Catriona, Anna, agus Seonaid. Bha tri mic aig Tearlach, Ailain, Eachann, agus Alasdir. Thanig iad do Cheap Breatunn. ’Se ’s docha gu bheil cuid de’n sliochd aig a chaolas no am Margari. Bha Iain, darna mac Iain Ghairbh, seachdamh Leathanach Chola a fuireach ann an Tota-Raonuill. Chaidh a leon gu trom ann am blar Ionarchetein sa bhliadhna 1651. Bha da mhac aige, Ailain agus Eoghan. Bha ceathrar mhac aig Ailain, Eachann, Ailain, Iain, agus Ruari. Cha n-eil fios agam co bhuaithe a thanig Ailain Mac-Gilleain a bha ann an Crosapoll an Cola. Cha mho a tha fios agam co bhuaithe a thanic Tearlach mac Lachinn. Bha mac aig Tearlach do ’m b’ ainm Lachinn. Bha e na dhoctair, sa Ghallanich, agus ’s e doctair na Gallanich a theirteadh ris am bitheantas. Phos e nighean do dh Fhear na Comrich. Bha tri mic agus da nighinn aige. Tha Tearlach, am mac bu shine, na sheanailair ann san arm. Tha e posda, agus tha seachdnar chloinne aige. Bha e an Cola ’sa bhliadhna 1889. Tha e na dhuine eireachdail, na fhior dhuin’ uasal. Ach co e? Tha fios agam gur h-e Tearlach mac Lachinn mhic Thearlich mhic Lachinn e tha ann, ach na’s fhaide na sin cha n-urrinn mi a shloinneadh air ais. B’ ann de theaghlach Chola a bha Iain mac Eachinn Bhuidhe a bha a fuireach ’san Eilain mhor am Picto. B’e e-fein agus Lachinn clann na da pheathar. Bha brathair mathar dhaibh, Iain Mac-Isaic, Iain Saor, a fuireach ann an Rudha an t-Saoir an Shudic an Ceap Breatunn. Bha sianar chloinne aig Eachann Buidhe, Eoghan, Niall, Iain, Gilleasbig, Eachann, Calum, Mor, agus Mari. Bha brathair dha do’m b’ainm Lachinn a fuireach ann an Arichat. Chaidh Leathanach de Theaghlach Chola do dh-Illinois bho chionn corr agus da fhichead bliadhna. ’S e Eachann a b’ ainm dha, Eachann mac Iain mhic Thearlich. Bha e greis mhoir ann an Glaschu na chlachair. Tha mic dha ann an Ilinois. Cha n-aithne dhomh ach dithisd de Leathanich Chola ann san aite so, Aongus Mor agus Niall. Tha Aongus na Chlachair ’s na phiobaire. Tha Niall na chaptin air bata-smuid a tha ruith eadar Belfast agus Baile-Shearlot. ’S e Lachinn a b’ ainn da’n athir, Lachinn Mac Eoghin Mhoir mhic an Dotair. Bha Eoghan Mor na shaighdear ann san Reiseamaid Duibh. Bha e de ’n dream ris an abairteadh Clann Eachinn mhic Dhomhnuill, ach cha n-eil fios agams co bhuaithe a bha Domhnull. Tha mi dhe ’n bheachd gun danig Eachann Johnstone, piobaire Thighearna Chola, do Cheap Breatunn, agus gun d’ fhag e mac na dheidh a bha na phiobair. A bheil duine sam bith ann a ’s urrinn iomradh a thoirt dhomh air Eachann ’s air a shliochd? Ma leughas duine sam bith an litir so, a’s urrinn e-fhein a shloinneadh air ais gu teaghlach Chola, bidhidh mi gu mor na chomain ma chuireas e do m’ ionnsidh ainm ’s a shloinneadh. Ma tha e da rireadh de theaghlach Chola bu choir gun rachadh aige air so a dheanamh. Thoireadh e dhomh co dhiu na th’aige de ’shloinneadh. Dh’ fhaoidte gu h-ann da a bhuineas a bhi na cheanntaighe. Ma ’s-ann, faodidh e da it a chur na bhoineid, ’se sin na tha uibhir de dh-fhuil Iain Ghairbh ann ’s gu bheil boineid aige. A. MAC G. SINCLAIR. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhroan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 137] [Vol. 2. No. 19. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 11, 1893. No. 19. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha troidh de shneachda air tuiteam am Manitoba cheana agus tha reothadh cho mor aca ’s na laithean so sa bhios againn ’san duthaich so an teis-meadhon an fhaoilich. Tha ’n geamhradh a bagairt tighinn. Thainig a cheud fhras shneachda Di luain s’a chaidh, agus bha mullach nam beann geal leis fad an latha Di-mairt. Thainig frasan chlacha-meallain a rithist Di-haoine. Tha muinntir St. John’s Newfoundland, an deigh ceud ’s tri fichead dolar ’sa coig deug a chur cruinn air son cuideachadh bantraichean ’s dileachdain nan daoine chailleadh air an Dorcas ’s air an Etta-Stewart. Tha ’n trosg gu math pailt mu chladaichean an eilean so air a mhios so. Tha rionnach mar an ceudna ri fhaotainn. Chaidh carbad lan de dh’iasg reota a chur gu Philadelphia a Ceap Breatuinn an la roimhe. Rinneadh mort graineil ann a Halifax Di-mairt s’a chaidh. Loisg duine da’m ainm Richard D. Savage, air a bhean ’s mhabh e i, loisg e an sin air an aon phaisde gille bh’ aca, ’s mharbh e esan, ’s an sin chuir e crioch air fhein. Tha e air innseadh a nis gu’m b’ann a mhuinntir Chanada a bha Pendergast, am fear a mharbh Mayor Harrison ann an Chicago. Rugadh e an Toronto agus nuair a bha e gle og chaidh e maille ri pharantan gu Chicago. Bha duine da’m ainm Lavoie, maille ri ’bhean ’s ri phiuthar a dol thairis air an abhainn aig St. Agnes, an Quebec, beagan laithean air ais agus nuair a bha iad gu bhi thairis chaidh e ann an laigse de’n tinneas thuiteamach, chaidh am bata thairis agus bha iad na’n triuir air am bathadh. Chaidh Iain C. Domhnullach, duin’ og a mhuinntir Cheap Breatuinn a mharbhadh leis na carbadan ann am Boston o chionn ghoirid. Bha e ’coiseachd air an rathad, nuair a bhuail iad ann; bha e air a thilgeil fodh dhrochaid, agus nuair a fhuaireadh e cha robh e beo ach beagan uairean. ORAN DO’N AOIS. LE AILEIN MAC AN T-SAOIR. Sealgair Shionnach a Bh’ann an Ceann Tire. (Tha ’n t-oran so air a thoirt a leabhar Gailig a bha air a chlo-bhuoladh an Glascho ’sa bhliadhna 1829. Fhuair sinn e o’n Urr. Domhnull Mac ’Illeathain, an sgireachd Dhiuranis ’san Eillan Sgiathanach.—Deas. M. T.) AIR FONN.—Laoidh Mhic Calair.” Mile marbhaisg air an aois, ’Siomadh caochladh bheir i oirnn, Fagaidh i gu-seachdaidh cruaidh A ghruaidh a bha co dearg ’san ros. Am falt a bha gu sleamhuinn, min, ’Nuair chirteadh e air lith an oir, Fasaidh e caiteineach, ciar, ’S cuid eile cho liath ri cloimh. An t-suil a bha gu soilleir, glan, ’Toirt soluis do’n chorp gu leir, Tairngidh an aois oirre smal ’S cha leir dhuit gu cearc do mheur. A’ chluas a bha gu furachair, geur, Leis an cluinnt’ am feur a’ fas, Rinn an aois a druideadh suas, ’S cha chluinn thu gun nuallan ard. An deud a bha mar ibhri shnaight’, Cho geal ri cailc ann ad’ bheul, Cnamhaidh ise am bun ’s am barr ’S bi’dh an cairein lom ’na deigh. An teanga bha gu sgiolta, grinn, Cho binn ri smeorach air gheig, Mar thromb ’us a teanga brist’ Chinn i ’na gliogan ad bheul. An gairdean ’san robh spionnadh mor, Leis an tilgteadh ord ’us clach, Tairngidh an aois uatha an luths ’S trom leis a bhi giulan bat’. Na casan bha gu laidir luthar, Leis am bui’nteadh cliu ’san reis, Cha dean iad ceum gun am bat’. ’S gu’n feumadh iad taic ’nan deigh. Goididh i do chuimhne uait, ’S tairngidh i ort snuadh an aoig, ’S gheibh thu ’n sin tigh comhnuidh buan, ’S neo-shuairc an leannan an aois. [TD 138] [Vol. 2. No. 19. p. 2] As na h-Eileanan Coille. Fhir deasachaidh MHIC TALLA: Tha mi a gabhail a chothram so air sgriobhadh thugad, agus le ’d chead faigh dollar anns an litir so, air son MAC-TALLA urachadh dhomh, fad bliadhna eile, oir tha nise bliadhna bho’n a fhuair mi an toiseach e, agus thainig e gu re riaghailteach fad na bliadhna, agus sin air a dhublachach bho chionn aireamh mhiosan. Tha mi a faighinn ceitheir paipairean naigheachd Beurla, ach ni mi barrachd mor toilleachadh inntinn ri MAC-TALLA na ni mi ris an iomalan dhiubh. Agus mar sin tha mi a guidhe saoghal fada buaidh as piseach leat fhein agus le MAC-TALLA. Feudaidh mi radh gur e’n’ t-aobhar nach do sgriobh mi roimhe so, gun robh dochas agam gum faighinn caraid no dha eile gus an’ ainman agus an dollar a chur comhladh rium, ach air eagal s gum biodh tu smaonteachadh fadalach dhiam, thug mi an ionnsaidh so leam fhein, ann an dochas gun tig iad air an aghaidh am an uine gun a bhi fada. Faodaidh e bhi gun robh aobhar eile gam chummail air ais, agus se sin nach eil mi cleachdadh a bhi scriobhadh na Gaidhlig, do bhridh s’ nach eil mo choscriobhairean comasach air a leubhadh no a scriobhadh, agus feudidh e bhi gum bi cuid dhe na facail so ann sam bi mearachdan ach gabhidh sibh mo leigeul. Tha e toirt gu’m chuinne seann fhleasgach a thainig a mach as an t-seann duthaich bho chionn aireabh bhliadhnachan, agus chaidh e a dh’ionnsaidh a mhinisteir gu litir a sgriobhadh a’ dh’ ionnsaidh brathair dha a bha ’thall, agus ’sann an Gaidhlig a bha ’n litir. Bha e’ g’ innseadh do’n mhinisteir choir, mara chuireadh e innte agus gu sonrichte e’ a’ dh’ iarraidh air ma bha suil aige ri tigh’n a mach do’n duthaich so gun e dheannabh mar a rinn esan tighinn na luideanach bochd gun bhana-chompanach agus ma bha te sam bith thall a bha sothainn sam bith aige dhith, e ga posadh mas fagadh e. Tha e coltach gun robh am ministeir coir a fas sgith dheth, agus thubhairt e, “ma ta Dhonnachaidh cha ’n eil fios agam fhein ciamar a spellas mi am facal sin “sothainn.” “Oh,” arsa Donnachadh, “a Mhaistir Ian cha ruig sibh a leas a bhi ga spelligeadh idir ach cuiribh sios e direach mar a tha e.” Agus sin mar a dh’eirich dhomhsa; tha mi a feuchain ri chur sios mar a tha e, agus air eagal s gum bi cleas a mhinisteir choir oirbhse agus gum fas sibh sgith dhe ’m litir sa feumidh mi a bhi a tighinn gu co’ dhunadh. Ach bha dhith orm beagan a radh mu’n ioghnadh agus an duilichinn a tha orm cho beag agus a tha a ’g ionnsadh a Ghailig a leubhadh dhiubhsan a bu choir sin a dheanabh, ged nach biodh ann ach na leasain Ghaidhlig a thug an t’ Urramach Maighstir Sinclair dhoibh ann am MAC-TALLA, agus comas a labhairt agus leubhadh beurla le beagan de thur nadair bu choir dhoibh a bhi comasach air a leubhadh. Guidheam slan leibh an la a chi s’ nach fhaic. Is mi ur caraide dileas, SHEUMAS A. MAC ILLEMHAOIL. Na h-Eileanan Coille, Eilean Phrions Iomhair. A Framboise. “Oidhche Shamhna” sin an oidhche ’tha air a cur air leth le oigridh an aite so airson spors agus cridhealas dhaibh fein. Dh’aoidte am faicinn oidhche Di-mairt sa sa chaidh a falbh nam buidhnean gu samhach, stolda gun dad a chron fodh ’n aire, mur a toireadh iad stocan cail bho bhodach a sud ’sa so; agus ged a bheireadh cha bu chor dhuinn gruaim a bhi oirnn gu h-airidh nuair a smaoinicheas sinn gu robh sinn fein og roimhe. Cha’n eil am buntata idir cho math sa bha e’n uiridh aig neach air bith; tha moran deth grod agus gun fheum. Cha’n eil mar an ceudna a bheag a dh’ fheum ann an arbhar na bliadhna so leis an t-side fhluich a bh’aginn aig am a bhuainn, agus an co-lorg sin feumaidh sinn cur as don bharrachd spreidhe na bha sinn an duil aig co iosal s’ gam bi a phris.” Bidh sinn uaireannan mar sin buailteach air a bhi ’gearain air ar staid, ach ’sann is coir dhuinn foghlum a bhi umhail fodh laimh an fhreasdail a ni gach aimsir is am is aill leis. “Is iongantach an cumail ris a th’ aig Boston a th’ann,” arsa Peggi an la roimhe, ’si faicinn feadhainn a falbh do na Staitean. Agus tha mi fein an duil gu’n dubhairt i gu freagarrach,—tha moran air falbh a so air an fhoghar so a Bhoston. Bu tlachdmhor a’ ni leam fein na’m b’urrainn oigridh Cheap Breatuinn fantuinn an tir an duthchais agus tha mi an dochas gu bheil an t-am am fagus anns a faod Ceap Breatuinn a chlann a chumail cho doigheil sa dh’ fhaodas iad a bhi ann an tir choigrich air bith. CEANN LIATH. Leighsidh Minard’s Liniment deideadh. Tha cuid de dhaoine ann aig am bheil beul sioda agus cridh cainbe. Na biodh cuid no gnothuch agad ris na daoine sin. Is e h-uile fear a’s giorra, foighidin a’s fhaide teanga. Tha ’bhith fada ’san teangaidh a’ clallachadh a bhith abarta, luath-bheulach. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun, 1, 1893. [TD 139] [Vol. 2. No. 19. p. 3] Droch Ghuidhe do Chlann-Domhnuill. Anns an t-seann aimsir bha cuid dhe na fineachan Gaidhealach ’nan naimhdean gle mhor dha cheile. Bhiodh aon Fhine a’ togail creiche o’n Fhine eile. Tha cuimhne gle mhath aig iomadh neach air a bhith ’cluinntinn mu’n doigh anns an robh aon Fhine ’feuchainn ri lamh an uachdar ’fhaotainn air Fine eile. Bha stri mhor eadar Clann Domhnuill agus Clann Leoid fad iomadh linn. Bha ’chuid bu mho dhe ’n Eilean Sgiatdanach aig Clann Domhnuill ’s aig Clann Leoid eatorra. Theirear Duthaich Mhic Leoid, agus Duthaich a’ Mhorofhir, ris an da earrann a’s mo dhe’n Eilean Sgiathanach gus an latha ’n diugh, ged nach ann leis a’ Mhorofhear Dhomhnullach, no le Mac Leoid Dhunbheagain, a tha ’m fearann so gu leir an drasta. Anns an am mu’m bheil sinn a’ sgriobhadh bha na h-Earradh aig Clann Leoid, agus bha da Uibhist aig Clann Domhnuill. Bhiodh an da Fhine threun so gu tric a sas ’na cheile air muir ’s air tir, agus tha ’chuis coltach gur e Clann Domhnuill a bhiodh an uachdar mar bu trice. Tha ’chuis coltach mar an ceudna, gu robh an sluagh aig an am a’ toirt creideis gu robh buaidh ann an droch run agus ann an droch ghuidhe, a chum cur as do dhaoine, mar a bha buaidh ann an deadh ghuidhe agus ann an deadh dhurachd, a chum a bhith ’misneachadh dhaoine. An uair bu mhiann leotha duine bhith gu math soirbheachail anns an t-saoghal theireadh iad;—“Tapadh leibh,” no “Gu robh math agaibh,” no, “Buaidh is piseach oirbh,” &c. Ach an uair bu mhiann leotha olc a thighinn an rathad dhaoine theireadh iad;—“Gu ma h olc a dh’eireas dhaibh,” “Droch bhas orra.” “Droch comhdhail orra,” Sgrios gun fhuigheall orra,” “Bial sios orra,” &c. Cha tugadh duine aig an am ud iomradh as a bheul air ainm an droch spioraid. So, ma ta, an droch ghuidhe a rinn fear de bhaird Chlann Leoid do Chlann Domhnuill:— “Gaoth an iar-dheas thun na Feisde, Ceo is uisge, Clann Domhnuill air bhordaibh briste, Leam cha mhisde: Seol ard, binneach, Eathar caol, corrach, Tuim gu tobhtaidh, Luchd de bharaillean falamha, Sgiobadh fann, frithir, Gun urram caib dha cheile.” Nan d’ fhuair am fear so a ghuidhe cha bhiodh Clann Domhnuill fada gun dol do’n ghrunnd. Tha rudha na Feisde air taobh an iar an Eilean Sgiathanaich, agus tha sruth anabarrach laidir air, gu h-araidh an uair a bhios a’ ghaoth o’n iar-deas. An uair a bhios ceo is uisge ann bidh e duilich do na seoladairean a dheanamh a mach ciod e cho dluth ’sa bhios iad do’n chladach. Ma bhios seol ard, binneach, ri eathar caol, corrach, cuiridh oiteag gle bheag thairis i. Ged nach biodh eathar aon chuid caol no corrach, bidh i gle neo-shocrach anns an fhairge ma bhios tuim gu tobhtaidh innte. Cha deachaidh luchd riamh ann an eathar a dh’ fhagadh cho neo-shocrach i ri luchd de bharaillean falamhe. Ged a bhiodh an t-eathar cho math anns a h uile doigh ri eathar a chaidh riamh air saile, cha tugadh “sgiobadh fann, frithir, gun urram caib dha cheile” sabhailte gu tir a chaoidh i. An uair a bheir sinn so fa near, tuigidh sinn gu’m b’uamhasach an guidhe a rinn an Leodach do na Domhnullaich. Is math gu’n d’ fhalbh na h-amannan cunnartach a bha ’n sud. Ged a tha iomadh ni fhathast cearr ’nar measg anns a’ Ghaidhealtach is math gu bheil lagh na rioghachd cho laidir ’s nach leig e leis na Fineachan Gaidhealach a bhith an amhaichean a cheile mar a bha iad o shean. IAIN. Tomhaiseachain. (1) Fear liath ’s a chuil ’s da shuil dhiag air (2) Am fear mor fada dubh a bhios am muigh a h-uile oibhche. (3) Cearc bheag bhiorach ’s a mionach slaodadh rithe. (4) Tri chasan nach gluais ’S da chluais nach cluinn. (5) Cha ’n ’eil e ’muigh ’s cha ’n ’eil e’ staigh ’s tha e eadar an da thaigh. (6) Taigh beag, taigh beag, crodh-liogan, A rinn mi fhein ’s mo Dhomhullan, Ged ’thoilleas ciad nan ciadan ann, Cha toillinn fhein nam onar ann. (7) Taigh beag, taigh beag, ’s solus as ’S a dha dhorus duinte. (8) Tha e biorach, biorach, Tha e binneach, binneach, Tha e luath, luath, Tha e liath, liath, ’S gocan beag as a dheigh ’S e ’g eibheach, “Geadh reamhar, Geadh raamhar.” (9) Theid e null air an amhainn ’S thig e nall air on amhainn, ’S gearraidh e feur ’s cha’n ith e e. (Gheibhear feagairtean nan tomhaiseachain ’san ath aireamh.) Minard’s Liniment ri reic ’sgach aite. Tha Addison Le Cain, Windsor & Annapolis R’y, a sgriobhadh. Bha mo bhean tinn le droch stamaig aireamh bhliadhnachan, agus cha d’fhuair i ni a chuireadh am feobhas i gus na dh’fheuch i K. D. C. Agus rinn e feum iongatach dhi. Leighis e ’n uine gle ghoirid i. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. A. BAIN, Fear-ionaid. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSED & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 140] [Vol. 2. No. 19. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 11, 1893. Tha e air aithris am measg nam Gaidheal gu robh breitheamh mor ann uair de Chloinn-an-Toisich, agus nach robh latha a ’bhiodh cuirt no mod aige nach robh cuid-eigin ri chrochadh, co-dhiu bha duine ri fhaotainn a thoill a chrochadh na nach robh. Rinn e so air son ainm a dheanamh dha fhein, agus chaidh leis gu math, oir gus an latha ’n diugh cluinnidh sinn ainm anns an t-sean fhacal,—“cha’n ann a h-uile latha bhios mod aig Mac-an-Toisich.” Tha, a reir coltais, breitheamhan ann san latha ’n diugh aig a bheil a cheart ni ’san amharc. Ann an New Brunswick an uiridh thug breitheamh araidh a mach breith air nach robh, ma chreideas sinn an sgeul, moran sam bith de dhreach a cheartais, agus air do dheasaiche paipear-naigheachd am baile St. John sin a thoirt gu aire an t-saoghail, ’s ann a rugadh air fhein ’sa chuireadh do’n phriosan e, ’s tha aige ri ’dhachaidh dheanamh an sin gus am bi Ceartas riaraichte. Bha rithist, air an t-samhradh s’a chaidh seachad tuathanach coir a toirt aoidheachd dha chairdean a bha deanamh gairdeachas maille ris ’s te dhe nigheanan air posadh. Thainig duine suarach eigin an rathad agus bhrist e stigh do’n tigh, chuir e chuideachd ma sgaoil le lamhachas laidir, ’s rinn e gach diol a thogair e air, gach ni us neach a bha stigh. Chuir so an caothach air an tuathanach, ’s thug e lamh air seann mhusgaid a bha stigh, chuir e urchair innte, ’s leig e ris an fhear eil’ i, ’ga leonadh air chor ’a gu’n do dh’eug e an uine ghoirid. Chaidh an tuathanach a chur an sas, agus an la roimhe sheas e cuirt. An aite leigeil ma sgaoil, no uine bheag dhe’n phriosan a thoirt dha mar bu choltach, ’s ann a thug am breitheamh dha coig bliadhna dhe’n tigh-oibreach! Nuair a tha duine bochd a dion a thaighe ’sa theaghlaich o dhuine a thainig an rathad air son olc a chur an gniomh, ged dheanadh e cur as da, shaolamaid gu’n gabhadh an lagh, ’s an luchd lagha a leisgeal. Ach cha d’ rinneadh sin sa chas so. Tha ’n t-am aig cuid-eigin gabhail, ma chul breitheamhan New Brunswick ’san cur as na caithrichean-breitheanais; tha e ro choltach nach eil cuid dhiubh airidh air a bhi annta. Tha fhios againn gu bheil aireamh mhath nach eil a gabhail a MHAC-TALLA ’n drasda a cur rompa gu’n cuir iad ’ga iarridh toiseach na bliadhn’ uire. Air son iad so a ghreasad agus air son cothrom math a thoirt daibh an am dhaibh a bhi cur an ceud eolas oirnn, tha sinn a dol a thairgse ’phaipeir dhaibh o’n am so gu deireadh na bliadhna so tighinn air son pris aon bliadhna. Gheibh iad mar so na h-aireamhan a thig a mach eadar so us Bliadhn’ Ur a nasgaidh, agus a bhliadhna shlan na dheigh sin air son aon dolar. Tha so na dheagh thairgse agus tha sinn an dochas gu’m faigh sinn aireamh mhor de luchd-leubhidh ur an uine ghoirid. Agus a chuid sin de’n luchd-leubhidh a th’ againn cheana nach do phaigh an dolar, tha sinn an dochas gu’n cuimhnich iad oirnn, agus gu’n dean iad an dleasanas gun dail. Tha sinn gle fheumach air airgiod aig a cheart am ’s tha fhios againn nach bu mhath le aon dhe ar cairdean a chuis a bhi mar sin. Cuireadh gach aon air adhart a dholar fhein air a chuid a’s lugha; mas urrainn da dolar no dha fhaighinn o mhuinntir eile ’s math, mur urrainn cha bhi arach air. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile, Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: An t-Urr. J. J. Siosal, Sagart Phictou, N. S. Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, P. E. I. Donnacha Mac Connich, Mitchell Rlver, P. E. I. Iain T. Mac Coinnich, Ch’town, P. E. I. Iain G. Mac Leoid, Eileanan Coille, P. E. I. Iain M. Domhnullach, Pinette, P. E. I. An t-Urr. I. W. Mac Coinnich, Midgell, P. E. I. An t-Urr. A. King, Murray Har, P. E. I. Mrs Jessie Bruce, Valleyfield, P. E. I. Mary A. Dhomhnullach, College Hill, Mas. A. S. Mac Neill, Kingston, Ont. Iain Mac Phiocair, Strathroy’ Ont. An t-Urr. R. Mac Leoid, Dunbheagain, Ont. Seumas Mac Ille-mhaoil, Finch. Ont. Niall MacIlleathain, Eildear, Roseb’n, C. B. Tearlach Mac Fhionghain, New Canada. Calum Mac Amhlaidh, Cow Bay. An t-Urr. Uilleam Grannd, do. Domhnull Mc Aidh, do. Iain M. Mac Fhearghais, do. Aonghas Mac Fhearghais, do. Alasdair Mac Neacail, do. Gilleasbuig Mac ’Ille-mhoire, do. Lachuinn Domhnullach, Milton, Iain C. Mac Neill, Grand Narrows. Calum Mor Gillios, Beinn nan Sgiathanach Iain Battleman, Sydney Forks. Stephen Mac Neill, Beaver’s Cove. Calum Mac Neill, Reserve Mines, Fhuair Ontario cliu mor aig Feill an t-Saoghail air son a cuid meala. Bha tri fichead duais ’sa h-aon air an toirt seachad air son saothair an t-seillein, agus thug Ontario leatha fhein a mach fichead dhiubh. Bha ochd ’ar fhichead air an roinn air feadh nan Staidean, agus tri deug an duchannan eile. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach........... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. [TD 141] [Vol. 2. No. 19. p. 5] COMHRADH NAN CNOC. LE TORMOID MACLEOID. (Fionnladh-Piobaire ’n a shuidhe aig ceann an tighe, a’ caradh seanna bhrogan a mhnatha: na paisdean a’ cleasachd air an ailein; Eoghan Brocair a’ dluthachadh air an tigh, le ’choin air lothainn ’n a dheigh, agus luinneag ’n a bheul mar bu ghnath leis.) BROCAIR— Gur iad mo ghaol na fleasgaichean, ’Am feasda nach dean posadh, Gur ann tha ’bheatha sheasgair Aig na fleasgaichean an comhnuidh. PIOBAIRE.—Sin thu, ’Eoghain; hug air na h-orain mar is gnath leat. Co a’s meamnaiche na thusa? BROC.—Innsidh mi sin duit. An cual’ thu ’n Sean-fhocal:— Mac bantraich aig am bi crodh, Searrach sean larach air greidh, Nighean muilleir ’g am bi min, Triuir a’s meamnaich’ air bith. Agus cha’n ’eil fhios agam nach faodainn Piobaire spreigeil air banais chridheil a chur ’s a’ chuideachd. Am bheil thu fhein, ’Fhionnlaidh, agus do chuideachd gu sunndach? PIOB.—Tha sinn mar a dh’ fhaodas sinn, ’s cha-n ’eil an righ fhein mar bu mhaith leis. BROC.—Ciod so a tha thu a’ deanamh le d’ mhinidh ’s le d’ bhuaicein-iall? An do sgain mala do phioba? PIOB—Cha do sgain, ach sgain brogan mo mhnatha; agus tha mi ann an so a’ cur fraochain oirre. Na-m biodh bean ’us clann agad-sa, Eoghain, cha bhiodh tu cho uallach, eutrom ’s a tha thu, le d’ dhuanagan agus le d’ Shean-fhocail. BROC.—’S ann agam a tha ’fhios: gum meal thus, ’Fhionnlaidh, do bhean ’s do phaisdean, ach cha-n’ eil mo shuil-sa annta. An cual’ thu ’n t-oran. Na fleasgaichean bi’dh aighearach, Na fleasgaichean bi’dh ceolmhor; Bi’dh drip, ’us donas agus dris, ’Cur ris na daoine posda. PIOB.—Deireadh nan seachd Sathurn’, ort, a bheist, is fad’ a ghabh donas agus dris uamsa. Is tus’ agus do leithid a tha ’s an dris air nach cinn blath. A’ d’ sgaomaire bochd, a’ siubhal o bhaile gu baile le d’ chuilbhear fada, caol air do ghualainn, agus donnalaich nan con a’ d’ chlusaibh, gun fhios ciod an t son toilinntinn a th’ agad. BROC.—Co dhiubh is binne donnalaich nan con ’s a’ mhaduinn, a’ togradh gu Creig-nam-faobh, no burralaich nam paisdean ag iarraidh am brochain; agus a thaobh mo chuilbheir fhada, chaoil, cha chuir i fhein agus mis’ a mach air a cheile, cha robh canran-teallaich riamh eadar ruinn. M’ eudail! ’s ann aice nach biodh am focal mu dheireadh; is uallach a shiubhalas mi ’m monadh leatha, a’ gabhail mo dhuanaig;— “Ho-ro mo chuid chuideachd thu, Gur muladach leam uam thu, Ho-ro mo chuid chuideach thu, ’S mi direadh bheann ’us uchdanan, B’ait leam thu ’bhi cuide rium, ’S do chudthrom air mo ghualainn.” PIOB.—Tog dheth, ’Eoghain. An ann a’ coimeas do ghunna granda, meirgeach agus do chuid chon ri m’ mhnaoi agus ri m’ phiasdean lurach a tha thu? Marbh aisg air an olc, na cluinneam a’ leithid. BROC.—Cha chluinn, cha chluinn. Gun teagamh sam bith is binne sglamiruinn ard do mhna ’s a’ mhaduinn no langan an fheidh ’s a’ chreachann; ach so i ’tighinn. “Mairi bhan og, an oigh th’ air d’ aire.” tha uam dol ’n a co-dhail. “Ho mo Mhairi laghach’ ’S tu mo Mhairi ghrinn,” &c. Failt’ air bean a’ Phiobaire, le ’cliabhan beag agus le grapa ’dol a thogail a’ bhuntata, Am bheil sibh, lo’r cead a Mhairi, ’n ’ur slainte air an fheasgar bhoidheach so? MAIRI.—Am bi thu glic gu brath? c’uin a sguireas tu de d’ sgeig agus de ’d orain? BROC.—Innsidh mise sin duit, ’n uair a gheibh mi bean ’us paisdean. An sin suidhidh mi ’mach aig ceann an tighe, a’ caradh bhrog, cho soirbh ri each Gallda agus cairt slaoda ris; gun fhocal as mo bheul, ach cho trom-cheannach, stuama ris a’ bhodach chrom a th’ anns a’ ghealaich, no Fionnladh agad fhein an sud a’ caradh do sheana bhrog. ’S fhada mu’n cluinn thu luinneag no oran uaithsan, ach ag osnaich mar dhuin’ air charn; cha’n ionann ’us mise. MAIRI.—Cha-n ’eil m’ Fhionnladh fhein muladach no trom-chridheach, ged nach bi e ri gleadhraich oran agus amaideachd mar bhios tusa. Nach i so an fhirinn, ’Fhionnlaidh, ’eudail? PIOB.—Nach gorach thu, ’Mhairi! c’ ar son a bheireadh tu feairt air a’ Bhrocair; ge mor a sgeig ’an aghaidh posaidh, “Is minic a dhi-moil an ceannaich’ am bathar a bu mhaith leis a bhi aige ’n a mhaileid;” agus is minic a rinn neach dochair air fhein “a’ buain nan airneagan searbha, ’us e ’saltairt air na ciribh meala.” BROC.—Ciribh meala! ’S e sin am posadh, ma’s fhior: bitheadh e mar sin, ach ’s fhad’ o’n a chualas e, “Ge milis a’ mhil co ’dh’imlicheas bharr da dris’ i?” Cha mhor gu bheil seachdain a dol seachad gun sinn a dh’ fhaotainn sgeul air soitheach-smuid eigin a thainig thairis air a chuan mhor na bu luaithe na thainig soitheach riamh roimhe. ’Si ’n Campania an te mu dheireadh a chluich an cleas sin, rinn i an t-astar a th’eadar Queenstown an Eirinn us New York ri coig latha, da uair dheug us seachd mionaidean. ’S mor an t-atharrachadh a thainig air an t-saoghal anns an doigh so o chionn leth-cheud bliadhna. ’San am sin cha robh na soithichean smuide ach gle ghann ma bha gin idir ann dhiubh, agus bheireadh na soithichean seolaidh uine mhor a tighinn a nall sa dol a null, cuid a bheireadh, mios, cuid sia seachdainean, ’s cuid a dha no tri mhiosan. ’S aithne dhuinn aon duine coir nach eil fad as, agus nuair a thainig e air imrich do’n duthaich so, thug an soitheach air an robh e sia miosan eadar fagail thall us fearann a bhualadh air an taobh so. ’S math gu bheil na h-amannan sin seachad. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 142] [Vol. 2. No. 19. p. 6] CUMHA. Do dh-Alasdir Stiubhart a mharbhadh ’sa mheinn oir aig Sherbrook sa bhliadhna 1862. LE TEARLACH MAC-GILLEAIN B’e so bliadhna na dunach ’Rinn ar leonadh le mulad. ’S iomadh aon dh’fhag i dubhach fo bhron. ’S ann mu mheadhon an earrich ’Fhuair sinn sgeul’ ’rinn ar sgaradh Gun do mharbhadh an t-Alasdir og. ’S ann ri sgealbadh nan creagan Leis an fhudar chruaidh spreigeant’ ’Fhuair thu ’bhuille a leag thu gun deo. ’Nam bhi calcadh ’s a dunadh ’Nait ’s ’n do chuir thu am fudar, Dh’ fhalbh an t-srad ’rinn an diubhail ro mhor. ’S b’e sud srad a mhi-fhortain, Las i ’m fudar an toiseach, ’S sgealb i chreag rinn do dhochunn ’s do leon. ’S beag an t-ionghnadh do chairdean A bhi eisleineach, craiteach, Bho na rinn iad do charadh fo’n fhoid. ’Si do mhathair tha truagh dheth, ’S tric suigh’ air a gruaidhean, ’Se ’bhi ’d chumha-sa ’s dual dhi ri beo. Gu bheil t’ athair dhe deurach Le bhi smaointinn mu d’ dheinibh, Fhuair e saighead a chreuchd e gu mor. Tha do pheathrichean craiteach, Iad fo mhulad ’s fo phramh dheth, Is an cridhe gu sgaineadh le bron. Bu tu cridhe na feille Riamh nach diobradh nam feum iad; Is cha leigeadh tu eucoir ’nan coir. Bha thu caoimhneil ri d’ chairdean, ’S bha thu aoibheil nad nadar; ’Se bhi fialidh bu ghuaths dhuit bho t’ oig’. Bha thu foghainteach, calma, Laidir, misneachail, meanmnach, Bha thu fearail neo-leanabaidh ’s gach doigh. ’S aobhar smaointinn an drasd dhuinn, An trom chis thug am bas dhinn; Is cha dean e neach fhagail tha beo. ’S coir dhuinn daonnan bhi ’g urnigh Gum biodh Criosda gar stiuradh, Bhon tha ’m bas a tigh ’nn dluth oirm gach lo. Nuair thig an teachdaire gruamach Bheir e sios leis do’n uaigh sinn, ’S theid an t-anam gu suaimhneas no bron. Leighsidh Minard’s Liniment losgadh. Mar is giorrd d’ fhalt, ’s ann is fhusa dhut a chireadh. Mar is lugha do chuid ’s ann is lugha do churam. Leighsidh Minard’s Liniment loine. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Chaidh mise leigheas de phian craiteach le MINARD’S LINIMENT. BYARD MCMULLIN. Chatam, Ont. Chaidh mise leigheas de dhroch at le MINARD’S LINIMENT. MRS. W. W. JOHNSON. Walsh, Ont. Bha mis air mo leigheas de dh’ at a bh’air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. J. H. BAILEY. Parkdale, Ont. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHLINADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 143] [Vol. 2. No. 19. p. 7] Naidheachdan Braidhe Mhargaree. Saol a bheil e ceart gun a thoisich iad air an rathan-iarinn eadar Orangedale agus an Camus? Tha bata-toite beag ’ga uidheamachadh air Loch Ainslie. Bi’dh e deas an uine ghoirid. Tha sinn dol a dh-fhaighinn drochaid ur air an abhuinn aig stor Mhic ’Illeollain. Gu dearbh tha sinn feumach oirre. ’S fhada bho na bha an t-sheann te na culaidh mhagaidh. Tha ’ur caraidh Domhnull Camshron an ire mhath do’n taigh. Tha taigh Iain Bhain Ghillis e fein a tigh’nn air adhart. “’Illean bitheabh surdail, tha dubhlachd sa chomlaidh.” Bha ’n t-Urr. D. Pringle ga ’ar sealtuinn an lath’ roimhe. Chaidh a phiob-mhor a sheinn dha, ’s thug sud toil-inntinn mhor do’n Chriosdi. Ged a tha droch chunntas a tigh ’nn air na Staitean, tha feadhainn a falbh uchd’ as an so gach seachdain. Se ’ar miann uile gun teid leotha—agus theid. Tha an’ t-shamhainn le eallach ghisag, againn. Cha’n fhuirich i ach oidhche co-dhiu ’s gheobh i fein ’s cach’ fuarag ’s ’aite beadraidh ’s tamha ma ghabhas iad sin. Bi’dh i sin a triall mar a dh-fheumas sinn uile gu uair eile mar d-thuirt Giorsail “seadh air feobhas air crannchur.” FLOIRI. Co an Gaidheal nach cuala iomradh air an uasal urramach Mr. Alasdair Mac Griogair a bha na mhinistear ’san Eaglais-an-Iar an Inbhirnis, agus a bha iomraideach air son a dhilseachd do na Gaidheal agus d’ an cainnt. So cuid de na nithe a labhair e anns a cheud oraid Ghailig a bha air a toirt do Chomunn Gaidhealach Inbhirnis. Bha an oraid air a liubhairt fichead bliadhna air ais. “Do gach cainnt thugamaid an t-urraim do’n Ghailig. Tha i liath-aosda, gidheadh is lughmhor, laidir, lurach,—is fallain, fiachail, fior-glan i. Mar oigh gheamnuidh, cha ’n aill leatha gnothuch a bhi aice ri ni sa bith a tha truaillidh, no drabasda, no droch mhuinte. Ann am beul nan laoch is binn blasda a fuaim; agus is tiamhaidh, trom-a guth ann an gearan gach dream a ta fo bhron. Air Laidinn, ’s air Greugais bheir i barrachd, agus cha’n fhaighear a leithid ’ga labhairt fo’n ghrein. “A chanain a bha riamh Feadh bheanntan agus shliabh, Ban-oighre dhligheach fhior Chaledonia! “Is lionmhor oran, iorram, dan, duan, rann, agus laoidh a rinneadh leis na bardaibh aig na fineachaibh fa leth; orain de gach gne agus cumadh, orain-gaoil, orain-molaidh, orain-cogaidh, orain-cumhaidh agus broin, orain-luaidhe agus iomraidh, agus buain, marbhranna, agus an leithidibh sin. Tha na fuinn agus na luinneagan a’s boidhiche ’sa’ Ghailig a gheobhar ann an cainnt sa bith eile.* * Tha iomadh gne phiobaireachd ann. Tha cuid ann ris an abrar Cruinneachadh, cuid eile Brosnachadh cuid eile Cumha cuid eile Failte, agus cuid eile Tuireadh mar a bha a’ phiobaireachd thiamshiadh, mhall, bhronach, a bu ghnath bhi cluicheadh aig adhlacadh nam marbh. Bha duil aig na Gaidheil, gu’n robh a phiob mar gu ’m bann a’ labhairt bhriathra na Failte, no an Tuiridh, mar a dh’fheudadh a’ chuis a bhith. Mar so ann an Cumha Mhic Leoid, bha phiob ag radh,— Cha till, cha till Mac Cruimein Cha till e gu brath gu la na cruinne, Bha Clann Mhic Cruimein, a bha ’n am piobairibh aig Siol Leoid, Dhunbheagain o iomadh linn air ais, a sgriobhadh na piobaireachd sios ann an leabhar, gu bhi ga cumail air chuimhne, ach cha’n ann air an doigh air am bheil ceol ’ga sgriobhadh a nis. Bha iadsan ’ga dheanamh le focail bheaga, ghoirid a bha iad a cur an altaibh a’ cheile chum fuaim an fheadain agus na puirt a chiallachadh. Bha e rud eigin cosmhuil ri innleachd an Sol-fa. Dh’ fheudadh moran a bhi air a chur an ceill mu fhearachas-taighe, cleachdanna-duchail, inneala-treabhaidh, buill-acfhuinn agus airneis nan Gaidheal. Tha moran ann aig nach ’eil fios ciod is ciall do na nithibh seo a leanas a ta air an gnathachadh gu sonraichte anns na h-Eileanaibh-an-iar; mar a ta cas-chrom, cas-dhireach, Slachdan, Graideallan, Racan, Poit-Uirearaidh, Leac-gradain, Muilean-leth-coise, Muilean-bradh, Bord-luaidh, Plocan, Oisean, Iris, Siomaid, Cliabh, Caineag, Plat, Sgonnan, Tallan, Sunnag agus mar sin sios.” Anns an Oraid so bhrosnaich e Comunn Gaidhealach Inbhirnis gu bhi dichiollach agus dileas. Nochd e gach strith a rinneadh chum na Gaidheil a theagasg ’nan cainnt fein leis an Teachdaire Ghaidhealach, a ris le Caraid nan Gaidheal, a ris le Cuairtear nan Gleann, a ris le Fear-tathaich nam Beann agus na h-uiread eile, ach chaidh as doibh gu leir, agus b’ olc an airidh e.” Chaochail Mr Mac Greogair air an 19mh de mhios mu dheireadh an fhoghair 1881. Bha e tri fichead bliadhna ’sa coig aig am a bhais. Bu mhac e do’n Urr Raibeart Mac Griogair ministeir Chille mhoire ’san Eilean Sgiathanach. Bha e air tus na fhear-cuidich aig ’athair an Cille-mhoire as a sin bha e, goirid an deigh bas athar, air a ghairm do’n Eiglis Ghaidhealich ’an Duneideann, as a sin chaidh e do Inbhirnis anns a bhliadhna 1858, far an do shaoraich e le mor-mheas gu am a bhais. Cha robh neach beo ri a latha rinn barachd air son cumail suas na Gailig na Mr Mac Griogair. Bha e measail cha’n ann a mhain an Albinn ach anns gach aite anns an robh eolas air a chuid sgriobhaidhean Gailig, air an toirt seachad o’n ainm “Sgiathanach,” no “Alasdair Ruadh.” C. C. Strathalba, P. E. I. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 144] [Vol. 2. No. 19. p. 8] MO RUN CEAL, DILEAS. SEISD. Mo run geal, dileas, dileas, dileas, Mo run geal, dileas, nach till thu nall? Cha till mi fein riut, a ghaoil cha’n fhaod mi; Ochoin a ghaoil sann tha mise tinn. Is truagh nach robh mi an riochd na faoillinn A shnamhadh aotrom air bharr nan tonn; ’Us bheirinn sgriobag do’n eilean Ileach, Far bheil an ribhinn dh fhag m’ inntinn trom. Is truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile, Air mullach shleibhte nam beanntan mor, ’S gun bhi ga ’r n-eisdeachd ach eoin na speuran; ’S gu’n tugainn fhein di na ceudan pog! Thug mi corr agus naoi miosan, Anns na h-Innsean a b’ fhaide thall; ’S bean boidh’chead d’ aodainn cha robh ri fhaotainn ’S ged gheobhainn saoghal cha’n fhanainn ann. Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte, Gun duil rium oidhche gu’m bithinn beo; B’e fath mo smaointean a la ’s a dh-oidhche, Gu’m faighinn faochadh ’us tu bhi ’m choir. Cha bhi mi ’strith ris a’ chraoibh nach lub leam, Ged chinneadh ubhlan air bharr gach geig; Mo shoraidh slan leat ma rinn thu m’ fhagail. Cha ’d thainig traigh gun mhuir-lan’ na deigh. Fhir deasachaidh MHIC TALLA. A Charaid,—Ged nach faca mise riamh thu gidheadh tha mi faicinn an trath so sa rithis am paipeir naigheachd laghach Gaidhealach a tha thu ’cur a mach uair ’s an t-seachduin. Tha naire orm nach robh mi le m’ airgiod agus mo pheann gad chuideachadh fada roimh a so. Faodaidh a mach uaithe so gu’n dean mi suas an call ma bheirear an cothram dhomh. Bithidh an t-airgiod luachmhor co dhiubh ge be air bith mar a bhitheas sgriobhadh sam bith a dh’ fhaodas mi a chur do d’ionnsuidh a bhi air a lucahachadh. Faigh an dollar am broinn na litreach co dhiubh agus ma shaoileas thu an litir so airidh air aite sa MHAC-TALLA feudaidh tu oisean cuileach air chor eigin a thoirt dhi. Tha moran eolach agumsa ann an Ceap Breutainn ann am measg nan Gaidheal. Ged a tha mi fada uatha sa choluinn cha do dhi-chuimhnich mi fathast iad. Nam bitheadh e taitneach do fhear sgriobhaidh a MHIC-TALLA agus ionmhianaichte do na udan Gaidheal a tha ga fhaotain feadh Cheap Breatuinn agus nan caochladh chearnan eile feadh an t-saoghail, bheirinn cunntas dhuibh seachduin a deigh seachduin air turas thri miosan as thug mi do’n Ghaedhealtachd air an t-Samhradh a dh’fhalbh. Tha fios agam gum biodh an t-iomradh taitneach do’n mheud do luchd leughaidh a MHIC-TALLA as a thainig a eilean Leoghais agus na h-Earradh, agus mar an ceudna do’n mheud agus aig am bheil meas air soirbheachadh nan Eaglaisean Presbiterianach anns a Ghaidhealtachd. Feithidh mi ri fios freagairt bho luchd sgriobhaidh litrichean a MHIC-TALLA. On a tha ’n t-anamach ann bithidh mi a dunadh na litreach so le bhi guidhe oidhcho mhath le uile luchd leughaidh a MHIC TALLA agus gu sonruichte le Ughdar. Is mise do charaid, RUAIRIDH MACILLEOD. Dunbheagan, Canada Uachdach, Oct. 27. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an tor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 145] [Vol. 2. No. 20. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 18, 1893. No. 20. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Dior-daoin s’a tighinn Latha Taingealachd. Tha Cuideachd a Ghuail a dol a dh’obair air leasachadh ’s air cur ris an laimhrig gual a bhuineas do na h-International Mines. Tha e dol a chosg eadar ceithir fichead us ceud mile dolar, ’s tha da cheud fear oibreach a dhith orra. Choisinn Coinneach I. Domhnullach, duin’ og a mhuinntir Cheap Breatuinn, duais a’s fhiach tri fichead dolar sa deich ann an Oil-thigh na Ban-righ an Kingston, Ontario. Thug am ballach ceudna mach duais mhath air son a chuid Gailig tri bliadhna roimhe so. Chaidh meinneadair da’m b’ainm W. P. Walsh, a mharbhadh ann an Sydney Mines air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air gearradh guail agus thuit cnap mor dheth air a mhuin ’ga ghoirteachadh cho dona ’s gu robh e marbh an ceann beagan uairean. Chi ar leughadairean gu bheil na Longan smuide a bha ruith eadar Hawkesbury us Boston ri sgur a ruith an deigh a cheathramh latha fichead dhe’n mhios so. Tha na Longan so cho comhartail ’s cho sabhailte ri gin de’n seorsa, agus tha am faradh gle shaor,—coig dollar air ais no air adhart. Dh’ eug bean da’m ainm Mrs Ann Seaman ann an New York air a bhliadhna so agus dh’fhag i fichead muillein dolar aig na dileabaich. Tha ceud ’s ceithir fichead ’sa seachd deug dhiubh sin ann, agus tha ceud ’s da fhichead ’sa seachd eile a feuchainn ris an tiomnadh a bhristeadh. Tha ’n t-suim mu ’n bheil iad a stri mor, ach cha rachamaid an urras nach ann aig an luchd-lagha a gheobhar an earann a’s mo ’nuair a theid gach ni ’na aite fhein. Chaidh duine mhuinntir Charlottetown gu Montreal o chionn ghoirid ’s chaidh e gu tigh-osda a ghabhail cuid na h-oidhche. Chaidh a thoirt gu rum No. 99 agus ghabh e mu thamh. An ath latha thug e suil ann an leabhar-latha bh’ air a shiubhal, agus fhuair e mach gu robh e anns an tigh da bhliadn’ air fhichead air ais agus gun do chuir e seachad an oidhche anns a cheart rum. Cum air chuimhne gu bheil am MAC-TALLA air a thairgse do neach sam bith a thig a stigh as ur, uaithe so gu deireadh na bliadhna s’a tighinn air son aon dollar. Chaidh seann bhantrach Albannach de’n ainm Mairi Chleireach a chur as a phiosan beag fearainn air an robh i ’fuireach ann an Dumfries, agus chuir i roimpe gun rachadh i a h-uile ceum gu Windsor a chur a cas air beulaobh na Ban-righ. Dh’ fhalbh i-fhein ’s a h-ighean; aois choig bliadhna deug, agus an ceann shia seachduinean rainig iad. Chaidh an cas a rannsachadh le oifigeach a bha sa chaisteal, agus an deigh gach caoimhneas a nochdadh rithe, leigeadh air falbh i air a turus dhachaidh a dh’ Alba. AOIS MHOR.—Tha bean choir a fuireach air taobh tuath an Eilein Mhoir a tha ’n deigh aois mhor a ruigheachd. Tha i thairis air ceud bliadhna sa h-ochd a dh’aois, agus gus o chionn bliadhna no dha bha i gu laidir, tapaidh. Thainig i mach a Alba comhlath ri a fear, Amhlaidh Mac Amhlaidh, o chionn tri fichead bliadhna sa h-ochd. Tha clann, oghaichean, us iar-oghaichean aice, cha’n ann a mhain an iomadh cearna de Cheap Breatuinn, ach mar an ceudna an Columbia Bhreatunnach, ’s na Staitean Aonaichte, agus eadhon an New Zealand. OIDHCHE SHAMHNA.—Tha sinn a tuigainn gu robh cleasan oidhche shamhna air an cluich tuilleadh s’a choir an an cuid a dh’aitean air an t-samhainn so chaidh seachad. Tha caraide a cearn eigin do’n eilean a sgriobhadh thugainn ag innse sa’ gearain air mar a dheilig na gillean ris fhein oidhche na fearas-chuideachd sin. Tha e toirt iomradh air dortadh uisge, daoine leth-bhathte, agus nithean eile nach eil sinn uile gu leir a tuigsinn, agus tha e soillear gu’n d’ fhuair e tuilleadh ’sa chuid fhein dhe’n t samhainn, agus gun deachaidh na gillean o bhi sporsail gu bhi mi-mhodhail, mur-a deachuidh gu bhi cronail. Tha e iomchaidh gu leor, ma dh’fhaoidte, do na gillean a bhi ri spors dhaibh fhein, ach bu choir dhaibh fhaicinn nach deanadh iad cron no mi-mhodh air duine sam bith no air a chuid. ’S math am modh a bhi modhail. [TD 146] [Vol. 2. No. 20. p. 2] CEATHARNACH-COILLE LOCH CUAICH. Ann am meadhon Loch Cuaich fo dhubhar nam beanntan arda ’tha ’g eiridh air gach taobh dhe, tha eilean beag, mar leth-acair fhearainn air mheudachd, air a’ bheil corr chraobh bharraich a’ fas. Tha ’n t-eilean beag so mar cheithreamh-mhile do thir, agus tha e uile gu leir ’n a aite co uaigneach, aonarach, dhiomhair, ’s a’s urrainnear a smuainteachadh. Air an eilean bheeg so tha seana Ghaidheal a’ chomhnuidh; duine colgarra, gruamach, a tha cur laghana na rioghachd agus na duthcha gu dulan. ’S ainm do’n duine so Eoghan Macafi. Tha nis os ceann da fhichead bliadhna bho ’n a ghabh an duine so an t or agus a chuir e suas a’ bhoineid ghorm ’s an ite ann an i risimeid Ghaidhealaich anns an robh uachdaran an fhearainn air an robh e chomhnuidh ’na oifigeach. ’Nuair a ghabh e an t-or, ghealladh dha, mar is tric a nitear, nach b’ fhada bhiodh e ’na shaighear, gu ’n eireadh e ceum air cheum gus am biodh babag oir air gach gualainn. Bha Eoghan Macafi ’s an am sin ’na cheatharnach co luthor, easgaidh, fhoghainteach ’s a bha ’s an duthaich uile. Bha e ’n a shaighdear inich, glan, eireachdail, dreachmhor, agus ealanta, teom, anns gach car agus gluasad a chuireadh m’a choinneamh; ach ged a bha, cha d’ fhuair e na b’ airde na bhi na shaighdear singilte. Latha de na laithean, ghabh e a chasan agus stad cha d rinn e gus an d’ rainig e tir nam beann. Chuireadh as a dheigh agus ghlacadh e; chuir na saighdearan a bha air a thoir glas lamh air, agus thug iad air falbh ’na phriosanach e. Mar bha iad a’ siubhal leis troimh Shrathearraig, air seorsa do cheum aimhleathan ri taobh beinne, thug e a chlisge an dui-leum thairis air ard chreig chorraich chas, agus thar e as. Loisg na saighdearan as a dheigh; ach ma loisg cha do bhean iad da. Bhuail e a ghlas-lamh ri creig, agus bhrist e gach cuibhreach. Bha e nis’ na dhuine saor, am measg gharbhlaichean nam beann, an tir ’oige. Thog e bothan-airidh dha fein anns a’ Choire-bhuidhe, air fearann Mhic-Dhomhnuill-duibh, aite cho uaigneach dhiomhair sa bha r’a fhaotainn ’s a’ Ghaidhealteachd uile. ’S an diomhaireachd so dh’fheuch se e fein a cleith car uine fhada, ag iasgachd ’s a’ sealgaireechd, agus ag arach ghabhar, gun duine ag radhainn ri Eoghan gu’m b’olc, gu’n duine ’g iarraidh mail air, no a’ feoraich dhe ciod a’ choir a bh’ aige air fuireach ’s an ait ud. Ach bha Eoghan ’na aonaran bochd trom-chridheach; dh’fhiosraich e nach robh e math do dhuine bhi leis fein, agus chuir e, uime sin, roimhe bana-chompanach fhaotainn. Thug e a chridhe do dh’ainnir og aluinn, aois cheithir-bliadhn’-deug—ruith e air falbh leatha, phos iad, agus a nis tha coigear chloinne aca. Ach mo dheireadh bhuadhaich an lagh ’na aghaidh, agus b’eiginn da an Coire-buidhe fhagail. Thog e air; cha robh an imrich doirbh r’a inlan. Dh’ iarr e fasgadh ann an Loch Cuaich, far a’ bheil e gu tearuinte seasgair. Thog e bothan beag dha fein, tigh-slaite, anns a’ bheil e fein ’s a’ theaghlach a’ tuineachadh. Rinn e seorsa do bhats beag anns an gabh e an t-aiseag ’nuair is aill leis gu tir-mor. Tha aige leth-cheud gabhar ag ionaltradh ’s na beanntaibh mu’n cuairt; tha iasgach math ’s an loch, agus tha sithionn ’s na monaidhnean; air alt agus nach ’eil dith no uireasbhuidh am bitheantas air Eoghan; ach anns a’ gheamhradh cha-n ’eil cor an teaghlaich bhig so air uairibh ach bochd ni’s leoir. Tha Eoghan air eidean le ’bhreacan ’s le ’fheile; agus tha e fathasd ’na dhuine co curanta, threum, thlachdmhor ri amharc air ’s a chitear ’s an duthaich uile. Cha teid e mach latha gun a bhiodaig air a chliathaich. Tha seorsa do sgath air muinntir an aite roimhe; tha cuid fo sgath a thaobh ainm curanta, gaisgeil an duine, agus cuid a’ smuainteachadh gu bheil beagan do dh’eolas aige nach ’eil ro-mhath seorsa do bhuidseachd agus fhiosrachd, do nach ’eil e cneasda oilbheum a thoirt. ’S ann uaithe so tha e gu tric a’ tachairt gu bheil bolla mine, mulachag chaise, cuman ime, ceithreamh muilteolach, agus ioma ni eile air an cur a dh’ionnsuidh Eoghain do’n eilean leis na coimhearsnaich air gach taobh do Loch-Cuaich. Tha a fein fo bharail gu bheil seun araid aige a chumas air falbh gach olc; ach a dh’aindeoin so cha teid e oidhche d’a leabaidh gun an gunna bhi r’a thaobh, deas gu losgadh ma thig fa cunnairt air. ’Nuair chaidh an t-uachdaran ur a cheannaich am fearann so o Mhac-’ic-Alastair, suas do ’n duthaich so an uraidh a dh’ amharc an aite ’s a ghabhail seibh ann, chaidh Eoghan Macafi, g’ a choimhead, agus thairg e cumhnant a dheanamh ri Mr. Ellis, an t-uachdaran, mur cuireadh Mr Ellis dragh air-san nach robh esan toileach dragh air bith a chur air Mr. Ellis. Chuir coslas an duine so mor iongantas air an t-Sasunnach choir; chuir e roimhe gach gne chaoimhneis a thaisbeanadh do Eoghan, agus tha sinn lan chinnteach gu’n dean e sin. Cha’n fhiach an t-eilean so a bheag do neach air bith ach Eoghan a mhain; agus is lan-dearbhta sinn fhad s is beo e nach cuirear dragh air, ’s gu bheil ’aonta do’n aite co fada r’ a laithibh. Tha e nis os-ceann tri-fichead-bliadhna dh’aois—tha a theaghlach a’ fas suas ann an aineolas mor, tha a bhean ’na boirionnach tlachmhor maiseach r’a fhaicinn, laidir fallain; tha beagan sgoil aice a fhuair i ’na h-oige, agus tha dochais againn leis a so gu’n toir i na’s urrainn di do’n teaghlach. Tha baigh mhor aig Eoghan d’a mhnaoi ’s d’a leanaban. Chaochail aon de na paisdean air an eilean uaigneach so, Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. [TD 147] [Vol. 2. No. 20. p. 3] ’gun lighiche gun choimhearsnach dluth, gun chuideachd gun solas. Bha Eoghan bochd anabharrach dubhach bronach; chaidh e thairis gu tir-mor, rainig e bothan airidh bha air an taobh thall, far an robh buachaille chaorach a chomhnuidh agus ghuidh e air tighinn maille ris agus cuideachadh leis chum ciste mhairbh a dheanamh do’n phaisde; “Oir,” ars’ easan, “tha crith co mor am lamhsa leis a’ bhron ’s a bhriste-cridhe, ’s nach ’eil e an chomas tal no tuadh a laimhseachadh.” Chaidh am buachaille leis—sgoilt iad cuid do chraobhan beithe, agus theannaich iad r’a cheile iad mar a b’fhearr a b’urrainn iad le cranntairngean, agus thiodhlaiceadh an leanabh bheag so ann an eilean beag far a’ bheil cladh an aite, aig ceann an loch, far a’ bheil cnamhan agus uir nan daoine treun o’n d’ thainig Eohan air an caramh. Mar so tha sinn a’ faicinn gu bheil a h-aon fhathasd do na seana cheatharnaich Ghaidhealach beo, daoine ard-inntinneach, colgarra, treun, do-cheannsuichte. C’ar son nach ’eil ministeir no maighstir-sgoile, no duine iochdmhor, a thaobh eiginn’ a’ toirt foghlum do Eoghan bochd, leis am faodadh e an Leabhar-naomh a leughamh, a dheanamh solasach e ’na uaigneas, agus a dh’fhosgladh a suas da sealladh air saoghal a’s fearr?—AS A CHUAIRTEAR. Leighsidh Minard’s Liniment loine. Bi’dh an duine leisg, slaodach na chabhaig an comhnuidh an uair a thig am feasgar. Am fear a bhios fada gun eiridh bi’dh e ’na leum fad an latha. Leighsidh Minard’s Liniment losgadh. Cha’n eil iuchair ann a’s fhearr a dh’ fhosglas cuid de ghlasan na iuchair airgid. Ach an dorus nach gabh fosgladh ach le iuchair airgid, feumaidh gu bheil ni eiginn cearr air a ghlais aige. Chaidh mise leigheas de phian craiteach le MINARD’S LINIMENT. BYARD MCMULLIN. Chatam, Ont. Chaidh mise leigheas de dhroch at le MINARD’S LINIMENT. MRS. W. W. JOHNSON. Walsh, Ont. Bha mis air mo leigheas de dh’ at a bh’air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. J. H. BAILEY. Parkdale, Ont. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. Tomhaiseachain. (1) Theid e null air an amhainn ’S thig e nall air an amhainn, ’S innsidh e sgeul ’s cha labhair e. (2) Is airde e na taigh an righ, Is mine e na sioda.— (3) Muc dhubh ’sa’ bheinn Gun sugh gun saill Gun cheann cnamha. (4) Ceathrar nan ruith Ceathrar air chrith Dithis ag amharc ’san adhar Dithis a’ deanamh an rathaid, ’S aon fhear ag eibheach. (5) Fear cruinn cnaparra, cruaidh; Gur cruaidh craicionn a lamh, A shuil am meadhon a chleibh, Is ’fheoil am meadhon a chnamh. (6) Chunnaic mi ioghnadh an diugh ’S mi ’g iomradh air mnir Ceithir daimh gun fhuil gun fheoil, ’Spionadh feoir a talamh dubh. (7) Chi mi, chi fada uam, Da mhile dheug thar a’ chuain, Fear gun fhuil gun fheoil gun anam ’G imeachd air an talamh chruaidh. (8) Chi mi, chi mi fad mo sheallaidh Seachd mile thar a’ bheallaich Te gun fhuil gun fheoil gun fheithean ‘Siubhal sleibh’ air talamh dubh. Bi’dh freagairtean nan tomhaiseachan so air an toirt ’san ath aireamh. So freagairtean nan tomhaiseachan a bh’ anns an aireamh mu dheireadh,—(1) An Criathar. (2) An rathad mor. (3) An t-snathad bheag. (4) A’ phoit. (5) Glut-lionaidh a’ bhalla. (6) Suil na brathann. (7) An t-ugh. (8) A’ chuibheal-shniomha; (9) Am peillear. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSED. & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 148] [Vol. 2. No. 20. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 18, 1893. Cha’n eil gnothuichean anns an Roinn-Eorpa ach car an-shocrach aig an am so. Tha eagal air aon rioghachd gu bheil am beachd rioghachd eile a bhi na bad an uair a shaoileas i gu bheil i lag. Tha Ruisia ’san Fraing mar gu’m b’eadh an guaillibh a cheile air son am math fein ’s ma dh’ fhaoite air son cron chaich. Tha ’n Eadailt ’s a Ghearmailt nan cairdean mora da cheile ’s nan naimhdean do’n Fhraing ’s do Ruisia. Tha Breatuinn a seasamh na h-aonar, gun i gabhail gnothuich ri taobh seach taobh, Tha Ruisia a sanntachadh tuilleadh fearainn, agus tha toil mhor aig an Fhraing dioghaltas a dheanamh air a Ghearmailt air son na thug i uaipe de dh’fhearann anns a chogadh mu dheireadh. Tha toil aig an Eadailt gabhail air an Fhraing, ge air bith car son, ach tha i ro lag, ’s tha ’Ghearmailt ’ga sior neartachadh fhein ’sa cur roimpe gum bi i nas laidir ena gin sam bith eile de rioghachdan na h-Eorpa. Tha cogadh leibideach ann an Africa a cur dragh air Breatuinn, cogadh anns nach urrainn dhi moran sam bith a chosnadh, agus anns am faod i roinn mhath a chall. Tha duil aice mar an ceudne ri tuilleadh trioblaid anns an Eiphit, am fear aig a bheil ainm a bhi na righ air an duthaich sin a feuchainn ri bhi cur an aghaidh a h-ughdarais: agus a thuilleadh orrra so tha na h-Eironnaich a’ cumail suas na h-aon iorram mu Fhein Riaghladh, ’s eagal orra ma gheobh Gladstone bas nach toir iadsan a theid na ’aite Fein Riaghladh dhaibh. Tha ’n Spainn ’sa leor aice ri dheanamh a cogadh ris na Moorich ann an Morocco, gun fhios c’uin a bheir i fo chis iad. Tha na rioghachdan eile beag us mor, ’s an cuid fhein aca dhe’n troimhe cheile ’s dhe’n an-fhois a tha ’measg chaich, air chor ’s nach eil fhios c’aite ’n rachamaid a dh’ iarraidh sith no socair. Faodaidh cogadh bristeadh a mach latha sam bith, agus faodaidh nach buailear buille gu ceann bhliadhna chean, ach tha ’n sluagh uile a tha giulan na cosdais a fh’ang. Cha’n aithne dhuinn gu bheil duthaich air an domhain an diugh anns am bheil an sluagh air fad a mealltuinn sith, saorsa, sonas agus pailteas ann an [?]mh [?]s cho mor ri Canada, an duthaich fhuar, thuathach againn fhein, ged is tric [?] a talach an gearan air ar crannchur. THA cogadh a ghuail, mar a theirear ris, a sior dhol air adhart ann an Sasuinn. Tha chuid mhor de na meinneadairean ’s an teaghlaichean an imis basachadh leis a ghort a tha cion na h-oibreach an deigh a thoirt orra. Tha airgiod us biadh a dortadh a stigh do’n ionnsaidh as gach cearna de Bhreatuinn, ach cha riaraich e ’n darra leth dhiubh, ’s tha ghainne ’sa ghorta ’dol nas miosa gach latha. Tha sealbhadairean na meinne a cur rompa nach fosgail iad meinn, ’s nach deanar car oibreach annta gus am bi na daoine gu leir air an toirt gu striochdadh. Tha e coltach gu bheil luchd-riaghlaidh na rioghachd a dol a dh’fheuchainn ri stad a chur air an t-stri sgriosail so, agus gu dearbh tha iad na am. Cha ’n e mhain gu bheil na meinneadairean a fulang, ach muinntir na ducha air fad a fulang leis cho gann ’s cho daor ’sa tha ’n gual air fas a’n sguir an obair. Ged thoisicheadh na meinnean an drasd cha’n eil dochas sam bith gun tig pris a ghuail eadar so us Bliadhn’ Ur na isle nas seachd dollair an tunna. Ma bhios a chuis mar so fada thig am geamhradh gu math trom air sluagh nan tri rioghachdan air fad, agus gu h-araidh air na daoine bochda. “Tha i fo Dheich.” Bha tuathanach na croitear anns an Annaid latha de na laithean, agus bha aige ri dol thun Feile a reic lair a bha aig, agus a chunnaic sea-bliadhn-dheug na sheirbhis. Bha’n fheill gu bhi air an la-mhaithreach, agus bha an croitear ag ullachadh air son na faidhearach le bhi gabhail foid no dha mhona ’s le bhi sior-labhairt nam briathra. “Tha i fo dheich, tha i fo dheich.” Co ’thanaig air ach a ministear, neach a dh’ fhiosraich dhe ciod a bha e a’ deanamh.” “Tha mi ’reic na lara baine,” fhreagair am bodach. “Agus carson nach fhuraich thu air an fhirinn,” thubhairt a ministear.” “Agus nach d’ rinn mi sin,” thuirt am bodach, “nach fhaca tu na deich meoir agum sinte tharis oirre.” Bha ’n Soitheach-Smuid “Harlaw” anns an acarsaid Dior-daoin, air a turus gu Newfoundland, agus chaidh aireamh mhor de mhuinntir a bhaile air bord a dh’fhaicinn grunnan beag de na h-Esqui maux a bha air an turus dhachaidh o Fheill an t-Saoghail, far an robh iad fad an t-samhraidh ’san fhoghair. Tha iad ’nan daoine gun a bhi ro mhor, agus gu math dorcha sa chraicionn, car beag coltach ris na h-Innseanaich ’nan dreach ’s ’nan cumadh, ged a tha luchd an fhoghluim a cur an ceill dhuinn nach eil cairdeas sam bith aca dhaibh, ach gu bheil iad nas dluithe do na Mongolianich an ceann a tuath Asia. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach........... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 149] [Vol. 2. No. 20. p. 5] Lrtir Bheag Thaitneach o Shagart Mhargaree. A Charaid Ghaolaich,—Cuiridh sibh an t-suim bheag so ($2 00) ri m’ chreideas. Tha mi ’gabhail a MHAC TALLA bho’n chiad aireamh a thainig a mach dheth. Tha e ’dol na’s docha leam gach seachduin. Piseach oirbhse agus fad shaoghal do MHAC TALLA! RAONULL DUGHALLACH. Facal o “Chabar-Feidh.” Tha mi ’n dochas gu’n gabh sibh mo leisgeal airson a bhi cho fad gun sgriobhadh thugaibh, oir tha urrad de sgriobhadairean matha Gaidhlig a nis a cur litrichean gu’r n’ ionnsuidh ’s nach fhaod sibh a mhaoidheadh ormsa ged a leiginn m’ anail car tacain. Tha mi duilich a radh nach d’ fhuair mi ’n aireamh 13 de’n phaipeir: ma bha e air a chlo-dhbhualadh ’s e a’s coltaiche gu’n deach e air chall air an rathad. Ma tha aon no dha de’n aireamh so agaibh thairis bithidh mi toilichte ma chuireas sibh thugam iad, oir bu mhath leam gun aireamh sam bith a bhi air chall orm aig ceann na bliadhna. Thoisich an class Gaidhlig air obair a gheamhraidh air oidhche Diardaoin agus tha na h-uile coltas air gu’m bi e ni ’s soirbheachail am bliadhna na bha e fhathast. Tha muinntir a tighinn gu bhi sealltaim air a Ghaidhlig anns na t-solus cheart mu dheireadh. CABAR FEIDH Gaidhil Chanada Uachrach. Choinnich Buidheann Foghluim na Gaidhlig air oidhche Dhi-Sathuirne mu dheireadh, ann an Toronto fo threorachadh riaghladair agus runadair a Chomuinn Ghaidhlig. Tha sinn ag earbsa gu’m b soirbheachadh air leth aig na h-oileanaich re na bliadhna ’s gu’m bi eolas air ar cainnt a’ dol gu mor am meud. Air a cheud la thar an fhichead do’n mhios so bithidh deasbaid Ghaidhlig air a cuir ann an Talla Richmond, Toronto, fo thearmunn Comunn Gaidhlig a bhaile sin, eadar an Doctair Wylie agus Alasdair Friseal iar-riaghladair a chomuinn. ’S e’n cuspair: “Am bheil e iomchuidh gu’m biodh uisge-beatha, ’s gach seorsa do dheoch laidir air an toirmeasg, ’s air an diteadh le lagh na duthcha?” Cha ’n ’eil teagamh nach bi deasbaireachd fhileanta, deas air an da thaobh, ’s nach bi oidhche thaitneach air a cur seachad. Thigeadh na Gaidheil a mach na’n neart! Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil Gaidheil Hamilton, beo, tapaidh, air a bhliadhna so. Bu dual doibh sin. Na h uile la dhaibh; misneachd ’us piseach leo anns gach ni a ghabhas iad a n laimh, ’s an ni ceudna do gach neach aig bheil deagh run d’a luchd-cinnidh.—Mac-Huistein, ’san North American Scotsman. Facal a Malagawatch. Gu Fear Deasachaidh a Mhac-Talla: Anns an aireamh mu dheireadh tha an t-Urr. A. Mac G. Sinclair ann an eachdraidh air “Leathanich Chola” a faighneachd a bheil duine sam bith ann an Cheap Breatunn a’s urrinn iomradh a thoirt dha air Eachann Johnstone, piobaire Thighearna Chola. Ma cheadaicheas sibh dhomh, bu mhath leam innse dha gu ro e comhnuidh ann a so aireamh bliadhnaichean, maille ri athair. Bha e posda ri Uillina Nic Aoidh a Taobh Deas a Bhai ’n Iar agus chaidh iad a so gu Caolas Chanso agus a sin, an deigh beagan uine, gu Baile-Sheorais an Eilean Phrionns’ Iomhair, far an robh mac brathair athair d’ am ainm Eachann Johnstone a comhnuidh. Bha mhac brathair athair eile dha (Lachinn) ann a Ceap Eoin an Siorramachd Phictou. Dh’eug am piobaire ann am Baile-Sheorais agus tha mi creidsinn gu bheil a shliochd ann sin fathast. ’S math mo chuimhne air Eachann Johnstone a chluinntinn a piobaireachd ’sa bliadhna 1827 aig Caolas a Bhoom anns a choimhearsnachd so, an am bhi cur air snamh long ur a dh’ ainmich iad “James and Tom” ainmean da mhac a chaiptean a Liverpool an Sasunn, agus tha cuimhne shonruichte agam air e chluich na co-sheirim—“Bhirlinn aig Tighearna Chola, tha i corrach, caol,” &c, &c. Thainig mise a Cola sa bhliadhna 1820 agus tha eolas agam air moran a thainig thairis o’n am sin agus air far ’na shuidhich iad. Is mise—caraid’ a MHAC-TALLA. BARTIMEUS. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile, Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: Calum Mac Neill, Barachois, Iron Mines. Iain Mac Iomhair. Baddeck Bay. D. R. Mac Coinnich; Plaster Mines. Mairi A. D. Nic-’illeolain, Margaree. Eoghan Gillios, Margaree. Donnacha Mac Kinley, Bradalbane, P. E. I. Eoghan Mac ’Illeolain, Narrow’s Creek, P. E. I. Ailain R. Domhnullach, Albany, N. Y, Alasdair Mac Fhearghais, Grand River. An t-Urr. D. Siosal, B. C. Chapel. Uisdean Domhnullach, Gabarus Lake, Iain I. Mac Fhearghais, Cow Bay. Peigi M. Dhomhnullach, Margaree. Mairi Kennedy, Westville, N. S. An t Urr. R. Dughallach, Margaree. Domhnull Mac Neacail, Catalone. D. C. Friseal, New Glasgow. Fionnladh Mac Coinnich, Flat River, P. E. I. An t-Urr. I. F. Forbes, Durham, N. S. Ruairi R. Mac Coinnich, S. S. Boulardarie. Coinneach F. Mac Asguill, Loch Lomond. Gilleasbuig Mac Aonghais, Roseburn. Alasdair Caimbeal, Strathlorne. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’ aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 150] [Vol. 2. No. 20. p. 6] Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Rugadh Alasdair Domhuullach ris an abrar “Mac Mhaighstir Alasdair” ann am Muideart, mu’n bhliadhna 1710. Bha ’athair ’na mhinistear de’n Eaglais Easbuigeach. Fhuair Alasdair ionnsachadh ann an oil-thalgh Ghlascho. Phos e Seonaid Domhnullach de theaghlach Dhail-an-eas ann an Gleann Eite. Bha e ’na mhaighstir-sgoil sgireach Airdnamurchann, agus ’na fhoirfeach anns an Eaglais. Ghabh e ann an arm a’ Phrionnsa, agus thainig e troimh mhoran chruaidh-chasan ’nuair a bha e am folach bho na Saighdearan Sasunnach an deigh Blar Chuil-fhodair. Bha e gle ionnsaichte anns a’ Ghaidhlig. Chuir e a mach a’ chiad Fhoclair Gaidhlig a bha air a chlodh-bhualadh, anns a’ bhliadhna 1741. Bha e ’na bhard cumhachdach, liomharra, agus rinn e moran bardachd a bha air a chur a mach anns a bhliadhna 1751. Bha e beo moran bhliadhnachan an deigh Blar Chuil-fhodair agus bha e ’na sheann duine ’nuair a chaochail e aig Sandaig. Rinn e an t oran so leanas mar mholadh air an t-seana chanain Ghaidhealach.— Gur h-i ’s crioch araid Do gach cainnt fo’n ghrein Gu ar smuaintean fhasmhor A phairteachadh r’a cheil’ Ar n’ inntinnean a rusgadh Agus run ar cridh, Le ’r gniomh ’s le ’r giulan, Surd chuir air ar dith. ’S gu laoidh ar beoil A dh’ iobradh Dhia nan dul, ’S e h-ard chrioch mhor, Gu bi toirt dosan cliu. ’S e ’n duine fein ’S aon chreutair reusant ann, Gu’n tug toil D’e dha, Gibht le bheul bhi cainnt: Gu’n chum e so, O’n uile bhruid gu leir; O ghibht mhor phriseil s’ Dhealbh na iomhaidh fein! Na’m beirte balbh e, ’S a theanga marbh na cheann; B’i n iarguin shearbh e, B’fhearr bhi marbh no ann. ’S ge h-iomadh canain, O linn Bhabel fhuair A’ sliochd sin Adhamh ’S i ’Ghaidhlig a thug buaidh Do’n labhradh dhaicheil, An t-urram ard gun tuairms’, Gun mheang, gun fhailinn, Is urrainn cach a luaigh. Bha Ghaidhlig, ullamh, Na gloir fior ghuineach cruaidh, Air feadh a chruinne Ma’n thuillich an Tuil-ruadh. Mhair i fos, ’S cha teid a gloir air chall Dh’ aindeoin gho, ’Us mi-run mhor nan Gall. ’S i labhair Alba, ’S Galla-bhodaiche fein; Ar flaith, ar priunnsai, ’S ar diucannan gun eis, An taigh-comhairle sn righ, ’Nuair shuidheadh air beinn ’a chuirt, ’Si Ghaidhlig liobhta, Dh’ fhuasgladh snaim gach cuis ’S i labhair Calum allaill a chinn-mhoir, Gach mith ’us maith, Bha ’n Alba beag ’us mor. ’S i labhair Gaill ’us Gaidheal, Neo-chleirich, ’us cleir Gach fear ’us bean A ghluaiseadh teang’ am beul. ’Si labhair Adhamh, Ann a Parrais fein, ’S bu shiubhlach Gaidhlig O bheul aluinn Eubh. Och tha bhuil aun! ’S uireasach gann fo dhith, Gloir gach teanga A labhras cainnt seach i. Tha Laideann coimhliont’, Toirteach, teann ni ’s leoir; Ach sgalag thrailleil i Do’n Ghaidhlig choir, ’San Athen mhoir, Bha Ghreuguis cor na tim, Ach b’ion d’ i h-ordag Chuir fo h-or chrios grinn. ’S ge min, slim, boidheach, Cuirteil, ro bhog liobht’, An Fhraingeis loghmhor, Am pailis mor gach righ; Ma thagras cach orr’, Pairt d’an ainbhfheich’ fein, ’S ro bheag a dh’fhagas Iad de dh’ agh na cre. ’S i ’n aon chanain Am beul nam bard ’s nan eisg, ’S fearr gu caineadh, O linn Bhabel fein. ’S i ’s fearr gu moladh ’S a’s torrunnaiche gleus, Gu rann no laoidh, A tharruinn gaoth tro’ bheul. ’S ’s fearr gu comhairl’, ’S gu gnodhach chuir gu feum, Na aon teang’ Eorpach, Dh’ aindeoin bosd nan Greug. ’S ’s fearr gu rosg, ’S air chosaibh a chur dhuan; ’S ri cruaidh uchd cosgair, Bhrosnachadh an t-sluaigh; Ma chionneamh bar. ’S i ’s tabhachdaich bheir buaidh, Gu toirt a bhais Do ’n eucoir dhaicheil, chruaidh. Cainnt laidir, ruithteach, Is neo-liotach fuaim; ’S i seadhail, sliochdmhor, Brisg-ghloireach, mall, luath. Cha ’n fheum i iasad ’S cha mho dh’ iarras bhuath; O’n t-sean mhathair chiatach, Lan do chiadamh buaidh! COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHLINADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 151] [Vol. 2. No. 20. p. 7] Tha i-fein daonnan, Saibhir, maoineach, slan; A taighean taisge, Dh’fhaclan gasda lan. A chanain, sgapach, Thapaidh; bhlasda, ghrinn! Thig le tartar Neartmhor, o beul cinn. An labhairt shiolmhor, Lionmhor, ’s milteach buaidh Sultmhor, brioghor, Fhir-ghlan, chaoidh nach truaill! B’i ’n teanga mhilis, Bhinn-fhaclach ’s an dan; Gu spreigeil, tioram, Ioraltach, ’s i lan A chanain cheolmhor, Shogmhor, ’s glormhor blas, A labhair mor-shliochd Scota ’s Ghaidheil ghlais. ’S air reir Mhic Comb, An t-ughdar mor ri luaigh! ’S i ’s freumach oir, ’S ciad Ghramair gloir gach sluaigh. COMHRADH ANNS A’ CHEARDAICH. SEUMAS BAN.—Tha thu ’nad fhallas, a ghobha. Is iongantach leam fhein nach ’eil thu ’fas cho tioram ris an teanachair leis na bheil thu ’cur dhiot a dh’fhallus. DOMHULL GOBHA.—Fallus orm no dhiom, beir thusa air an ord-mhor, agus thoir buille no dha air an iarunn so, s cabhag orm, Greas ort. S. B.—Bha mi fhein cinnteach gu’n tugeadh tu an ceilidh-ceardach asam. Is ann dhut a dh’ eirich e, seach aon duine a chunnaic mi riamh. Cha bhi fois no diobradh ort. Nach gabh thu an saoghal air do shocair? D. G.—Tha gu leor a’ gabhail an t-saoghail air an socair ged nach bithinnsa ’ga ghabhail air mo shocair. Nan gabhadh a h-uile fear an saoghal air a shocair fhein, cha b’ fhada gus am biodh cuisean gle fhada cearr. Thoir a nis greis air seideadh a’ bhuilg, agus an uair a gheibh mise an car so as mo laimh seallaidh mi dhut rud nach fhaca thu riamh roimhe. S. B.—Ciod e an rud a th’ ann, a ghobha? D. G.—Air do shocair, a dhuine. Dh’fhan do mhathair ri d’ bhreith. Tha thu ro laidir. Cha’n fhag thu srad de’n ghual air an teallach agam. Thoir a nis greis eile air an iarum so leis an ord mhor, agus na caomhainn do chorp air. An uair a fhuair an gobha an obair a bh’ aige deas, thug e iuchair as a phocaid agus dh’ fhosgail e am preasa beag a bha ’n taobh na ceardach, agus thug e mach am MAC TALLA as, “Sin agad a nis, a Sheumais, paipear-naigheachd Gailig. Tha mi cinnteach gu’n aidich thu nach fhaca thu a lithid riamh. S. B.—Ma ta gu dearbh cha’n fhaca. Ach tha mi gle thoilichte ’fhaicinn an diugh fhein. Chunnaic mi na Miosachain Ghailig a bha daoine uaisle a’ cur a mach an Ionarnis agus an Glasacho, ach cha chuala mi gus a so gu robh aon phaipear-naigheachd Gailig air a chur a mach uair ’san t-seachduin. Co air an t-saoghal a tha ’ga chur am mach? D. G.—Tha duine uasal a th’ ann an Ceap-Breatuinn, ris an canar, E. G. Mac Fhionghain, smior a’ Ghaidheil, tha e coltach. S. B.—Is fhada o’n chuala mi ’n t-oran anns an robh na briathran so. “Iain Mac ’ic Fhionghain, ghleidh e’n urram air na bh’ ann.” Agus gu cinnteach ceart ghleidh Mac Fhionghain Cheap-Breatuinn an urram air Gaidheil an t-saoghail mu’n iath a’ ghrian. Tha mi ’n dochas gu’n cinn leis. Saoileam fhein an ann de chloinn ’ic Fhionghain an t-Srath a tha e? D. G.—Sin rud nach urrainn mi innseadh dhut. Is e mo bharail nach robh e riamh an Alba. Tha ’n urram aig na h-Americanaich fhein, a Sheumais. Ann am moran nithean tha iad air thuar muinntir h-Alba fhagail buileach glan as deigh. S. B.—Ma ta, ghobha, tha lan mo chinn de mhoit orm air son an ni a tha ’n duine uasal coir a’ deanamh. Tha mi ’n dochas gu bheil Gaidheil America a’ seasamh gu treum, duineil air a chulaobh, agus a’ ceannach agus a’ craobh-sgaoileadh a’ phaipear air feadh an t-saoghail gu leir. D. G.—Ma tha fiach prine de mheas aig na Gaidheil air an cainnt mhathaireil cumaidh iad suas am MAC TALLA. Tha mi fhein air a h-aon suidhichte gu’n cuir mi airgiod thun an duine uasail gan dail. Cuiridh mi 6s. 3d. d’a ionnsuidh. Paighidh sin am paipear fad bliadhna. S. B.—Cuiridh mise uiread eile d’a ionnsuidh. Ni an aon litir agus an aon ordugh airgid feum eadrainn. Nach dean? D. G.—Leugh fhein am paipear, agus fuilingidh mi a’ chluas a thoirt o’n chlaigionn agam mur aidich thu gu bheil moran fiosrachaidh agus toil-inntinn ann. IAIN. Leighsidh Minard’s Liniment deideadh. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Am fear aig nach ’eil de mhisnich na bhuaileas a dhorn ort, cainidh e thu thun do bhrog air chul do chinn. Tha Addison Le Cain, Windsor & Annapolis R’y, a sgriobhadh. Bha mo bhean tinn le droch stamaig aireamh bhliadhnachan, agus cha d’fhuair i ni a chuireadh am feobhas i gus na dh’fheuch i K. D. C. Agus rinn e feum iongatach dhi. Leighis e ’n uine gle ghoirid i. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 152] [Vol. 2. No. 20. p. 8] MARBHRANN. Do dh-Alasdir mac Dhughill Mhic-Eachairn, a chaochail ’na dhuine og ann am Pictu an samhradh na bliadhna 1859. FONN.—’S tearc an diugh mo chuis ghaire. ’Tha mo chridhe-sa ciuirte, Chaidh mo shugradh gu lar, ’S tric na deoir air mo shuilean, Tha mi tursach gach la. Fhuair mi naidheachd neo-aobhachd,— Fath mo chaoinidh an drast— Gu bheil carid mo ghaoil An cis e chaoil nan lom chlar. ’Fhiurain eireachdail aluinn, A bha blath-chridheach, coir, Duineil, cinneadail, cairdeil, Fialidh, baigheil, gun phrois, Seirceil, iriosal, fiachail. Measail, siobhalt’ gu leoir, ’S fuar an nochd do chorp priseil ’N ciste dhionich fo ’n fhoid. ’Nuair a bha thu ’nad shlainte Gum bu lan, dearg, do ghruaidh; Ach an nochd ’s ann a tha i Tana, ban, air dhroch shnuadh. ’N t-suil a shealladh gu caoimhneil Chan fheil soills’ innt’ ’s cha ghluais; ’N teang’ a labhradh an fhirinn Tha ’n nis ciosnaicht’ ’san uaigh. A Mhic-Eachairn oig, shuairce, Bha thu uasal ’nad bheus, Is fuil fhallan, neo-thruaillte, ’Dol mu’n cuairt ann ad chre. Bha thu ’shlochd nam fear uaibhreach, Ghuineach, chruadalach, threun. A bha ainmeil air bualadh Leis na cruaidh lannan geur. Cha robh duin’ a bh’ ort eolach Ann sa Mhor-roinn s’ gu leir Nach robh measail gu leoir ort, ’S nach robh bronach ’ad dheidh; Ach tha mise gu sonricht’ Gad chaoidh, eganich ghleust; Gum bu tric ’bha sinn comhla Cridheil, solasach, reidh. Tha do chairdean neo-eibhinn, Thug iad speis dhuit ’s gum b’ fhiu; Tha do pheathrichean eisleineach, Bochd deurach, gun sunnd; Is tha t’ athair ’s do mhathair ’H-uile la fo throm thurs’, Gun cheol, aighear, no manran, Ga d’ chaoidh, ailleagain uir. ’S beag an t-ionghnadh ged tha iad Dubhach, craiteach, gun chli, ’S an ciad mhac air a charaidh ’N deise bhain gun sa chill.— Och! och! Alasdir ghaolich, Chaoimhneil, fhaoilidh, neo-chrion, Seallach tuilleadh dhe t’ aodunn Air an t-saoghal s’ chan fhaic sinn. March 7, 1860. A Montana. Gu Deasaiche ’Mhac Talla: A Charaid,—Ceadaich dhomhsa facal no dha a chur sios ’nad phaipear gasda. Tha math mo chairdean an Gauada nas dluith do’m chridhe nas urrainn domh innse, ged a tha mi ann ’sna Staitean a nis o chionn sia bliadhna. Cha’n fhacas a leithid de dhroch thimeanan sa bhaile so riamh on chaidh a thogail an toiseach. Agus ’nuair a dh’ fhas an obair ’s an t-airgiod gann an so smaoinich moran gu robh ’n t-am a bhi ’ga fhagail, agus chuimhnich iad, mar a rinn am Mac Strodhail o shean, gu robh gu leor agus ri sheachnadh an tigh an athar. Dh’iarrainn orra-san a tha aig an tigh an drasda iad a dh’ fhuireach aig an tigh, an cuid fearainn a threabhadh ’sa chur, agus an t-seam dachaidh a dheanamh na aite maiseach taitneach da’m parantan ’nan sean aois; agus iad mar an ceudna a dheanamh gach cuideachadh is urrainn daibh leis gach deagh aobhar. Agus ’nuair a chluinneas iad gu bheil gnothuichean gu math ’s gu ro-mhath an duchannan fad air falbh, thugadh iad an ceart aire gur a firinn e mu’m paigh iad am faradh: dh’fhaoidte gu’n caomhainn e moran dragha us trioblaid dhaibh. Tha mi’n dochas nach eil an latha fad as ’uuair a bhios taobh an ear Chanada, agus gu h-araidh Eilean Cheap Breatuinn a deanamh gairdeachais agus fodh bhlath mar an ros! ’S mise do charaid agus caraid na Gailig, MAC-GILLE-MHOIRE. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 153] [Vol. 2. No. 21. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 25, 1893. No. 21. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & AIAHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha parlamaid Eilean a Phriunnsa air sgaileadh agus tha aig an t sluagh ri fir-parlamaid a thaghadh as ur air a cheathramh latha deug dhe’n ath mhios. B’e Dior-daoin s’a chaidh Latha Taingealachd. Ann an Sidni ’san Sidni-a-Tuath bha na storaichean uile duinte, agus bha seirbhis anns na h eaglaisean. Tha ’n t-Urr Aonghas Mac ’Ille-mhaoil an deigh an gairm a fhuair e o cho-thional a Bhai-’n-Iar a ghabhail, agus bi’dh e ’n uine ghoirid air a shuidheachadh san sgireachd sin. Tha sia mile mulchag chaise a falbh a Eilean a Phrionnsa gu Sasuinn an uine ghoirid. Beagan bhliadhnachan roimhe so cha robh factoridh chaise eadar da cheann an eilein. DEAGH FHAS.—Chaidh tuirneap a reic ann am Baddeck Di-luain s’a chaidh a thomhais seachd puinnd deug. Dh fhas i air Beinn an t-Sealgair air fearann Alasdair Chaimbeil. Cuimhnich gu bheil sinn a toirt deagh thairgse do neach sam bith a tha air son am MAC-TALLA a ghabhail as ur. Cuireadh e ’n dollar thugainn agus gheobh e ’m paipear gu ceann na bliadhna so ’tighinn. Tha sinn an dochas gu’n gabh moran ris an tairgse so. Thaghail boirionnach air an robh coltas bean uasail aig an Tigh Gheal ann a Washington an la roimhe agus dh’fheoraich i an robh Cleveland, an ceann-suidhe aig an tigh, Thuirt e gu’m b’e Ban-righ Victoria a b’ainm dhith, Air dhaibh a radh rithe nach robh an Ceann-Suidhe aig baile thuirt i gu’n taghladh i a nithist agus gu’n leanadh e i air taghal gus am beireadh i air a stigh. Chaidh an stor aig Iain A. MacAmhlaidh aig Amhainn Dhennis a bhristeadh oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair na meirlich a stigh troinh uinneig agus a reir coltais cha robh dad uapa ach an t-airgiod, oir cha do bhean iad do ni sam bith eile. Gu fortanach, bha ’n t-airgiod fo ghlais nach robh ro fhurasda fosgladh, agus cha d’ fhuair iad an lamh a shineadh air idir. Bha soitheach beag a mhuinntir Arichat air acair aig laimhrig ann an Sidni-a-Tuath an oidhche roimhe agus air feadh na h-oidhche, chaidh fear fad-lamhach eigin air bord agus ghoid e corr us fichead dollar a poca triubheair a chaiptein. Cha ’n eil fhios co ’m fear a bh’ann. Thainig a cheud stoirm shneachda a fhuair sinn air a gheamhradh so Di-luain s’a chaidh. Bha ghaoth a seideadh gu math laidir o’n airde ’n ear agus chuir i dragh mor air soithichean a bha muigh air a chuan, ach cha chuala sinn gu’n d’ rinneadh call sam bith air na cladaichean so. Cha do mhair an sneachda uine mhor sam bith; thug teas na griene agus na frasan uisge a thainig deireadh na seachdain air falbh gu buileach e. Tha na roidean gu math dona e poll. Bha stoirm mhor aca ann an ceann a deas Shasuinn ’s an ceann a tuath na Frainge deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha moran longan air am bristeadh, ’s na ceudan de na maraichean air am bathadh. Bha ’n caolas eadar an da dhuthaich cho stoirmeil ’s nach toireadh gin de na soithichean-aiseig ionnsaidh air a dhol thairis, agus tha ’n cladach air gach taobh lan de na soithichean air an cur nam piosan leis an doinionn. Air tir bha dortadh mor sneachda aca agus bha na carbadan iaruinn air an stad leis ann au caochladh aitean. Tha dithis dhaoin’ oga, tuathanaich a mhuinntir Glenboro’ am Manitoba air chall o chionn corr us mios ’s cha’n eil fhios de thainig riutha. Bha fearann aca agus bha iad air an deagh dhoigh, gun sgillinn fhiach orra, agus beagan airgid mu seach aca. Dh’ fhag iad an tigh air an 16mh latha a dh’ October agus cha’n fhacas bhuaithe sin iad. Bha sporan math airgid air an siubhal, agus tha ’n droch amharus aig cuid gu robh iad air am mort. Tha loch beag air an ait aca, agus tha sgioba dhaoine a sgriobadh a ghrunnd feuch am faigh iad na cuirp. Fhuaradh duine air a chrochadh air an aite cheudna ceithir bliadhna air ais, agus b’i bharail choitchionn a measg nan coimhearsnach gu robh e marbh mu’n deachaidh an rop mu ’amhaich, ach cha robh fear-ceartais faisg air laimh agus chaidh a thiodhlaiceadh. [TD 154] [Vol. 2. No. 21. p. 2] EACHANN TIRISTEACH ’S CARBAD NA SMUIDE. Comhradh Eadar Eachann us Cuairtear nan Gleann. CUAIRTEAR. ’Nann a rithist Eachainn. Cha chreid mi nach ’eil leannan agad ’sa bhaile mhor: Cha’n urrainnear do chumail as. EACHANN.—Cha’n ’eil cha robh, ’s cha bhi. Chaidh laithean mo leannanachd fhein seachad, ’s ged bhithinn og ’s air toir mnatha, da-rireadh cha’n ann am measg ghuanagan a bhaile mhoir a rachainn a shuiridhe; ’s olc a fhreagradh iad do’m leithid, ach suidhidh mi le ’r cead air a chathair—tha mo cheann ’san tuainealaich. CUAIR—Ciod so a dh’eirich do d’ cheann, Eachainn? EACH—Thig e bhuaithe ri uine tha dochas agam, ach cha seasadh ceann iaruinn gun ghuth air eanchainn chumanta ’san aite ’n robh mise ’n diugh. CUAIR.—C’ait an robh thu, ’Eachainn? EACH.—An robh mi! Ma ta, le’r cead, cha’n ann gu droch fhreagairt a thoirt duibh, ach ’s coma c’ait an robh mi; bithidh latha ’s bliadhna mu’m bi mise ’san aite cheudna rithist. Nach robh mi ann am Paisley air carbad na smuide: ach c’ar son a bhithinn a gearan, ’s ann agam tha ’n t-aobhar taingealachd gu’m bheil mi beo ’s nach do sheideadh suas mi am bhloighdean anns na speuran. O! b’e bhi buaireadh an Fhreasdail do dhuine sam bith na bheachd, cuid a chunnairt a ghabhail da leithid a dh’ aite fhad ’sa tha comas nan cas aige no dh’fhaodas e suidhe air cairt shocraich, chiallaich air boitein connlaich. CUAIR.—’N ann mar sin a tha thu labhairt mu’n aon doigh shiubhail a’s innleachdaiche fhuaras riamh a mach le mac an duine? EACH.—Cha ’n eil ceist nach eil i innleachdachd. Cha’n ann an sin tha ’n fhaillinn idir, ach an cluinn sibh mi; b’ fhearr leam latha ghabhail ’ga choiseachd na dol an dail na h-upraid cheudna rithist! Cha robh mi tiota air falbh innte ’nuair a bheirinn na chunnaic mi riamh gu robh mi aon uair eile air bonn mo choise air fonn, no ged a b’ ann suas gu m’ amhaich a mach air a’ mhuir. Fheara ’sa ghaoil! b’e sin an carbad siubhlach! tha mi ’m barail na’n gabhadh e air adhart uair an uaireadair na b’ fhaide gu’n robh m’ eanchainn mar bhrochan an claigeann mo chinn. CUAIR.—Seadh, Eachainn, innis domh mar thachair. EACH.—Tha mac agam, mar tha fhios agaibh, ’san aite so, gille deanadach, glic, grunndail. Tha mi deanamh dheth gu bheil suil aige ri mnaoi fhaotainn ann am Paisley, ’s cha’n fhoghnadh leis gun mise dhol a mach ’ga h-amharc. Cha robh mi deigheil air carbad na smuide, ach bha Niall (’se sin ainm mo mhic) agus buirdeasach og eile, sgaomaire mhuinntir an Obain a bha maille ris, deigheil air feala-dha bhi aca air mo thailleadh. A stigh do charbad na smuide charaich iad mi, ag radh rium gu’m bithinn cho socrach, samhach, foisneach ’s ged a bhithinn ann an cathair mhoir taobh an teine, Ghabh mi beachd air a charbad. Chunnaic mi fear na stiurach a gabhail ’aite le ailm iaruinn ’na laimh agus fear eile ’san toiseach mar gum biodh fear innsidh nan uisgeachan ann, ag amharc a mach. Bha smuid as an t-simileir ’s na h-uile ni samhach, socrach na’s leor. Chaidh mi stigh agus shuidh mi dluth do’n uinneig chum sealladh a bhi agam air an duthaich. Tiota beag na dheigh sin chuala mi bruc mor nan tuchanach ard agus an sin fead oillteil. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. Rinn esan ’san Latharnach gaire. “Sud agaibh athair,” arsa Niall, “sitirich an eich iaruinn ’s e togairt falbh.” “Sitirich na h-oillt,” arsa mise, “leig a mach mi,” ach bha ’n dorus air a dhruideadh. Thug an t-each stadag, bhuail an carbad san robh sinne ’s cha mhor nach do phronnadh m’ fhiaclan an aghaidh a cheile. Thug e ran eile agus fead agus an sin leig iad siubhal a chas da ’s thar e as. Thoisich an stairirich, ’sa ghleadhraich, “’Ni so a chathair mhor a Neil?” arsa mise. Bha e dol a nis ’na shiubhal, ’s cha b’e suibhal an eich no luas an fheidh; cha tugadh ceithir chasan riamh do bheo chreutair air an talamh a bhos, no sgiathan do dh’ eun ’s na speuraibh shuas na chumadh ris. Cha d’ thubhairt mi fhein diog; rinn mi greim bais gun fhios c’ar son air an aite-shuidhe. Dhuin mi mo bheul, chas mi m’ fhiaclan mu’n cuirinn troimh ’m theangaidh iad, dh’ fhorc mi mo chasan gu daingeann, ’s bhithinn ceart shuarach ged robh mo chlaistneachd sa chiste ruadh ann an Tirithe ’s mi fhein cho bodhar ri Iain Balbhan. Chuir Niall a bheul ri’m chluais. “Athair,” ars esan, “am bheil sibh ’nur cadal?” “Uist,” arsa mise, “bi samhach.” Chuir an t-Obanach og a cheann ri’m chluais. “Eachainn,” ars esan, “nach e ’n t-each iaruinn fhein an gille.” “Uist,” arsa mise. Bha mi nis a tighinn gu seorsa de thur, ghabh mi misneach ach bha seorsa de nair’ orm, oir bha bean mhor, shideach, ribeineach, reamhar ’sa charbad, agus ge b’e ard gleadhraich an eich iaruinn bha a guth cho ard agus a teanga neo-ar-thaing cho luath. Bha ’n uinneag fosgailte agus dh’amhairc mi mach a ghabhail seallaidh air an t-saoghal, ach ghrad spion iad air ’m ais mi. “Thoir an aire dhuit fhein,” ars iadsan. “Cum a stigh do cheann, air neo theagamh gu’m fag thu mile ’d dheigh e mu’n ionndrain thu o ’d ghuaillibh e.” Ghrad tharruing mi air ’m ais, ’s bu mhath gun do tharruing, oir chuala mi geumnaich agus ranaich oillteil BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 155] [Vol. 2. No. 21. p. 3] a dluthachadh oirnn. Cha robh a mhuc mhara sin riamh air cuan a dheanadh seidrich coltach ris. Thainig seorsa de bhreislich orm,—ach ghrad chaidh steud each iaruinn eile seachad oirnn, na ruith ’s na dheann-ruith, a seidrich ’sa feadalaich le boile ’thug orm criothnachadh le oillt. Bha na ficheadan carbad na dheigh ach cha deachaidh peileir riamh o bheul a ghunna mhoir le luas a bu mho na chaidh iad seachad oirnn. Cha robh duil agam gu’n robh leud na ludaig eadar an da charbad, ’s nam biodh iad air a cheile bhualadh c’ait an sin an robh Eachann? Tharruing mi m’ anail. “Tha’n sid aon rudha fodhainn,” arsa mise rium fhein. Dh’ fheuch mi nis beachdachadh air an duthaich mu’n cuairt, ach cha robh so comasach; cha robh a bheag air am b’ urrainn an t suil socrachadh, ach a h-uile achadh us craobh us cnoc us tigh a ruith mu’n cuairt an deigh a cheile, tighean mor a tighinn ’san t sealladh, ach g’e b’ fhada bhuainn iad cha b’fhada ’gan ruigheachd; ann am prioba na sula bha sinn seachad orra. Chunnaic mi achadh air an robh moran mhulan us ruchdan feoir. Bha iad a ruith mu’n cuairt, a h-uile h-aon air a bhonn fhein mar ghille-mirein, ’s an t-iomlan mar gu’m biodh iad a dannsadh ceithir chuir fhichead Ruidhle Thullachain, Dh’fheuch mi an aireamh, ach mu’n do chunnt mi leth-dusan diubh bha iad as an t-sealladh. Bha mi nis ’gam fhaireachduinn fhein rudeigin socrach agus an t-eagal ’g am fhagail ’n uair a thainig an dubhdhorchadas oirnn. Cha robh grian no leus soluis ann, creag mhor dhubh ri cliathaich a charbaid, agus an aon fhuaim fhasail, eagalach, air chor agus eadar ranaich an eich iaruinn, gleadhraich na h-acfhuinn agus co-fhreagradh mhic talla ’san uaimh dhuirche tre ’n robh sinn a dol, gu’n robh mi uile gu leir fo eagal na bu mho na bha mi fhathast, air mo bhodhradh, air mo dhalladh ’s mo cheann ’san tuainealaich. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. “An Tunnel,” ars esan. “Be’n donnal e gu dearbh,” arsa mise, “an donnalaich a’s grainde chuala mi,” ach am prioba na sula bha sinn a mach taobh eile chnoic. Tharruing mi m’ anail agus thog mo chridhe. Bha nis mar a shaoil leam an anail an uchd an eich iaruinn. Thug e ran. “Fhalbh,” arsa mise, “cha’n iongatach leam pathadh a a bhi ort.” Chuala mi beuc us fead, bha ’n siubhal a fas na bu mhoille. “Cha’n urrainn sud seasamh,” arsa mise ri Niall. Stad an carbad. “Leig a mach mi,” arsa mise, oir smaointich mi gun deachaidh mionach an eich iaruinn air aimhreit, ’s gun sgaineadh an coire mor anns an robh ’n t-uisge goileach. “Leig a mach mi,” arsa mise. “Air ur socair, athair,” arsa Niall. Dh’ fhosgail duine modhail agus cuairt oir mu aid an dorus. “Thigibh a mach, a dhaoin’ uaisle,” ars esan. “’Ne gu bheil sinn ceann an rathaid?” arsa mise, “ochd mile ann an ochd mionaidean deuga!” Chaidh sinn a mach ach ’s gann a b’ urrainn domh seasamh leis an tuainealaich a bha ’m cheann. Ciod a th’agaibh air ach gu faca mi leannan Neill, ’s air m’ fhacal, caileag eireachdail. ’Nuair a bha e fhein ’s an t-Obanach ag innseadh mu’n eagal a bha orm, sheas i mi gu gasda agus chain i an carbad iaruinn gu foghainteach. Sin agaibh mar thachair dhomh. Chaidh mise leigheas de phian craiteach le MINARD’S LINIMENT. BYARD MCMULLIN. Chatam, Ont. Chaidh mise leigheas de dhroch at le MINARD’S LINIMENT. MRS. W. W. JOHNSON. Walsh, Ont. Bha mis air mo leigheas de dh’at a bh’ air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. J. H. BAILEY. Parkdale, Ont. Cuidichidh eolas le irioslachd. An t-arbhar a’s truime siol is e ’s cruime ceann. Leighsidh Minard’s Liniment loine. Is ann an pocanan beaga a bhios na seudan a’s luachmhoire. Is fhearr am beag seadhach na’n draghaiche mor mi-ghniomhach. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Leighsidh Minard’s Liniment losgadh. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSED. & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 156] [Vol. 2. No. 21. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 25, 1893. Tha “Gaidheal” a sgriobhadh thugainn agus a feo ach car son nach cumadh Gaidheil Chanada coinneamh mhor Ghaidhealach an ait-eiginn air a bhliadhna so tighinn mar a bh’ aig Gaidhil na seann ducha air an fhoghar so chaidh seachad. Co bheir dhuinn a bharail air so? A reir seanachais an t-sluaigh theid aig a mhathan air an geamhradh a chur seachad le bhi deothal a spoige, agus tha e coltach gu bheil cuid a dhaoine dhe’n bharail gun teid aig deasaiche paipear air a bhi beo air an doigh cheudna. Tha aireamh mhath dhe na tha gabhail a MHAC-TALLA o’n thainig a cheud a aireamh a mach o nach d’ fhuair sinn sgillinn ruadh fhathast! Cia mar a tha iad sin an duil a bhios am paipear suas? IRIS LEABHAR NA GAEDHILGE.—Thainig an leabhran tlachdmhor so d’ar n-ionnsuidh aon uair eile. Tha e loma lan de naigheachdan mu’n Ghailig as gach cearna de’n t-saoghal, agus tha facal molaidh aige do gach paipear us duine a tha deanamh a bheag no mhor air son an canain fein a chumail beo. Faodaidh e bhith gu bheil cuid dhe ’r luchd-leughaidh aig nach eil fhios gu bheil a Ghailig Eirionnach ’sa Ghailig Albannach gu math cairdeach dha ’cheile. Tha iad mar dha mheur air an aon chraoibh; dh’fhas iad as an aon stoc. B’aon chanam iad air tus, ach ’nuair a dhealaich an sluagh a labhair i o cheile, thainig atharrachadh na’n canain. Tha deigh mhor aig muinntir a bhi faotainn a mach nithean air nach eil fhios aca fhein no aig feadhainn eile, agus gu tric tha iad a curam beatha ’s an cuid an cunnart an sgath eolais. ’S iomadh neach a thug galair a bhais a bhi feuchainn ri ruigheachd air ceann a tuath an t-saoghail; cha d’ rainig iad fhathast e, agus cha’n eil moran coltais air gu’n ruig iad air a dh’aith-ghearr, ach cha luaithe bheir aon fhear suas an deo na tha fear eile deiseil gu falbh air a ghnothuch cheudna. Dh’fhalbh dithis Shuaineach a Newfoundland an uiridh ann an soitheach beag, air an turus gu Greenland. Cha chualas a bheag mu’n deaghainn o’n dh’fhalbh iad, ach toiseach a mhiosa so thaghail soitheach a bha ’marbhadh mhuca-mara aig Baffin Bay agus fhuair iad an sin soitheach briste air a chladach agus faisg oirre, ri taobh carn chlach, bha cnamhan dithis dhaoine. Tha iad a deanamh a mach gu’m be na Suainich a bh’ann, agus gu robh iad air an tilgeil air a chladach le stoirm, agus air dhaibh a bhi gun bhiadh gun aodach gu’n do bhasaich iad le fuachd us acras. CEIST. Leugh sinn ann am paipear-naigheachd araidh beagan bhliadhnachan air ais gu robh a Ghailig air a labhairt le moran sluaigh ann an Carolina-a-Deas, aon de na Staitean, agus gu robhas ’ga searmonachadh anns na h-eaglaisean; gu robh mar an ceudna na daoine dubha ’san aite sin cho fileanta anns an t-seana chanain Ghaidhealach ris na Gaidhil fhein. Tha sinn deonach fhaotainn a mach am bheil so fior agus ma ’s urrainn aon air bith d’ar luchd-leughidh solus sam bith a chur air a chuis bi’dh sinn fior thoileach cluinntinn uaithe. Tha ’m paipear air a chraobh-sgaoileadh gu math air feadh nan Staitean agus tha e gle neonach mur eil fear no fear-eigin dheth na tha e ruigheachd gach seachdain comasach air innseadh dhuinn am bheil no nach eil a chuis mar a leugh sinn. CARN-CHUIMHNE NELSOIN. Tha triuir ghillean oga ’sa phriosan am Montreal an drasda air son ionnsaidh a thoirt air carn-chuimhne Nelsoin a sheideadh suas le dynamite. Is Frangaich iad nan triuir, agus is mac fear dhiubh do Honore Merceir, a bha uair na Phriomhair air mor-roinn Quebec. B’e Nelson an sar shaighdear-mara a thug buille bus do chabhlach na Frainge aig Trafalgar sa bhliadhna 1805 agus tha gamhlas aig na Frangaich dha fhein ’s dha charn-chuimhne riamh uaithe sin. B’e ’n gamhlas sin a ghluais na daoine oga so, agus nam biodh iad air an gnothuch fhaotainn leotha, cha’n e mhain gu’m biodh carn Nelsoin air a chur dha na h-iarmailtean, ach bhiodh gach tigh us eile bha mu fhaisg cairteal mile dha, air a dhol suas comhlath ris. Ach mar a thachair e, cha deachaidh e leotha. Fhuair maoir a bhaile sanas air na bha na’m beachd agus dh’ fhalaich leth-dusan dhiubh iad fhein faisg air an aite oidhche na Sabaid s’a chaidh. Mu mheadhon oidhche chunnaic iad na seoid a tighinn agus a dol mu’n obair, agus ann an tiotadh rinn iad greim orra. Tha ’n carn chuimhne so am Montreal air sraid air nach eil duine comhnuidh ach Frangaich agus tha iad a deanamh a mach nach bu choir carn a leithid de dhuine bhi na’m fianuis idir. Tha e ro choltach nach robh na gillean a tuigsinn ro mhath gu de bha iad a dol a dheanamh, agus nach robh fhios aca gu robh ’n lagh cho trom nan aghaidh. Tha iad a dol a dh’ fheuchainn ri dheanamh a mach nach robh cron sam bith na’m beachd ’nuair a rugadh orra. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteahidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 157] [Vol. 2. No. 21. p. 5] NA GNATH-FHACAIL. Tha e air innseadh dhuinn gu bheil gnath-fhacail ri am faotainn anns gach cainnt fo’n ghrein. Cha ’n ’eil moran eolais againne air a’ bheag de ghnath-fhacail, ach na bheil againn anns a’ Bhiobull, agus na ’s aithne dhuinn de ghnath-fhacail na duthcha do ’n buin sinn. Cha’n ’eil na gnath-fhacail idir cho measail againn ’s bu choir dhaibh a bhith, agus air an aobhar sin cha ’n ’eil ar comhradh o latha gu latha cho taitneach, no cho geur-chuiseach, ri comhradh nan daoine o’n d’ thainig sinn. Cha ’n e mhain gu ’m biodh gach aon dhinn ni bu deas-bhriathraiche, agus ni bu deadh-chainntiche na tha sinn, nam biodh barrachd eolais againn air na sean-fhacail na th’ againn; ach bhiomaid moran ni bu tuigsiche na tha sinn. A chum ar n-aire a tharruinn ni’s dluithe a dh’ ionnsuidh na bheil de ghliocas agus de thuigse anns na gnath-fhacail a tha cho cumanta am measg ar luchd-duthcha, bheir sinn beagan mineachaidh air cuid dhiubh o am gu am. A’ bheairt nach fhaighear ach cearr, ’s e foighidinn a’s fhearr a dheanamh rithe. Tha so gu soilleir a’ teagasg dhuinn a bhith ’cleachdadh foighidinn aig gach am. Co an latha air nach teid ni eiginn cearr an co-cheangal ri ar n-obair? An uair a theid na duirgh ’s na dubhain air feadh a cheile, tha fhios aig an iasgair gur ann le foighidinn a theid aige air an reiteach. An uair a theid ni sam bith cearr air a’ bheairt-fhighe, is ann le foighidionn is fhusa gach ni a chur gu ceart ’nan aite fhein. Agus an uair a theid na seirbhisich agus na searbhantan cearr, is e bhith foighidneach riutha moran is fhearr na bhith greannach, cas, crosda riutha. Gheibh caise cothachadh; ach gheibh foighidinn furtachd. A’ bheinn a’s airde ’san tir. ’s ann oirre s trice ’chi thu ’n ceo. Tha moran de dhaoine bochda na duthcha an duil gu’m biodh pailteas de shonas agus de sholas aca anns an t-saoghal so nam biodh iad ann an inbhe ni’s airde na tha iad. Tha iad ro thric a’ dichuimhneachadh nach cum inbhe ard anns an t-saoghal so bron, no bas, no dragh-inntinn, no iomaguin spioraid, air falbh o neach sam bith. A reir riaghladh an Ti a tha uile-ghlic, tha ’smudan fhein a ceann gach foid, agus a bhron fhein aig gach neach. Cha ghabh cuisean a bhith air atharrachadh doigh. A’ bheist a’s mo ag itheadh na beiste a’ s lugha, agus a’ bheist a ’s lugha ’deanamh mar a dh’ fhaodas i. Tha cuisean mar so anns gach aite ’san t saoghal mu’n lath a’ ghrian. Air muir ’s air tir, tha ’n creutair a’s treise a’ feucheinn ris a’ chreutair a ’s laige a chur gu bas. Ach feumaidh sinn a chumail ’nar cuimhne gur iad na creutairean a tha nam beistean gu nadurra, ar neo a tha air tuiteam gu bhith, cha mhor, cho iosal ri beist, a tha ris an obair so. Ni an duine truagh, truaillidh, foirneart air an duine bhochd, lapach, ma dh’ fhaodas e; ach an duine anns am bheil an spiorad ceart, cothromach, ’s ann a thogas e suas an duine truagh, bochd, a tha air a leagadh fo na casan le luchd-deanamh na h-eucorach. A’ mhuinutir bhios a’ caineadh ’s a’ smadadh dhaoine air chul an cinn, faodar a radh gu bheil iad nochdadh gu bheil spiorad an uilc annta. A bhith gu dana modhail, sin lagh na cuirte. Tha e air a radh gu mill danadas modh; agus tha e fior gu leor. Ma gheibh danadas tuilleadh ’s a’ choir de bhuaidh air modh, bidh am modh air chall! Ged a tha bhith ro dhana gu h-olc do dhuine, cha n e bhith diuid moran is fhearr. Is iomadh duine a dh’ fhaodas a radh gu’n do chum an diuideachd air dheireadh e ann an reis na beatha. Am fear a bhios cho diuid ’s nach leig an naire leis a dhol do chuideachd dhaoine a’s airde na e fhein, bidh e air dheireadh ri’ bheo. Ach ma bhios danadas air a riaghladh le modh, cha ’n eagal nach teid aig duine air aite fhein a chumail ann an cuideachd sam bith am bi e. A’ bho a’s miosa ’th’ anns a’ bhuaile, ’s i ’s cruaidhe geum. Is iad na daoine a’s lugha a ni dh’ obair a’s mo a ni de bhruidhinn ’s de bhoilich. Is labhrach na builg fhas. Mar is miosa chaitheas fear a bheatha, is ann is deise e gu bhith ’faighinn coire do dhaoine a thuiteas ann an cionta gu h-obann. Is ann far am bheil an t-uisge tana is mo a ni an amhainn a dh’ fhuaim. Mar is mo a gheallas fear is ann is lugha theid aige air a cho-ghealladh. A dheadh charaid: Faigh dollar anns an litir so air son MAC-TALLA thoirt dhomh fad bliadhna eile. Tha e toirt toileachadh dhomh bhi leughadh naidheachdan na duthcha gach seachduin nam chanain fein, agus on tha mi car aonranach le bhi as eugais cuideachd bithidh fadal orm gus an tig maduinn Di-Mairt agus gu’n dean mi tacan seanachais ri mo chairdean Gaidheal ach tha sgriobhadh ’sa MHAC-TALLA. Tha moit orm gu bheil an t-urram agad air son an aon peaipear Gailig seachdaineach a th’ air an t-saoghal agus gu firinneach us nair do na Gaidhil nach dean do chuideachadh. Leis gach deadh dhurachd dhuit fein agus do MHAC-TALLA an la a chi a’s nach fhaic, Is mise do bhana charaid, A. M. Valley Mills, C. B., Nov. 17mh 1893. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 158] [Vol. 2. No. 21. p. 6] ORAN DO’N GHREIN. Ghluais mi le sealladh o’n lar Suas ri carbad ard nan nial, Chuir Phoebus, fear iuil nan tra, Mi air ghleus gu dan chur sios. Is ged chuirinn mo dhan dhuibh sios Gu eolas iarridh bho gach rann, Cha ghluaisear gu mosgladh leam Am ceann-trom tha duinte, dall. O! nach duisg sibh as ’ur suain, ’S nach mol sibh gach uair an triath, Air son lionmhorachd a ghrais A thug do ghineal Adhamh a ghrian. ’Sa lochrain ghil chuine na speur Tha as ceann na reub-ghaoith ghairg, Ort cha’n fhacas caochladh gnuis Is tu mar iunntas dhuinn gach la. Bha thu ann bho chian nan cian, Is ghleidh thu t-iomhaigh riamh gun smal, Is tha thu ’n diugh mar do cheud thus, ’Nad oigh aluinn chubhraidh ghlan. O ghrian ghloirmhoir thig air chuairt Do’n taobh a tuath us fag an deas, Is aisig dhuinn do ghathan blath’ ’S na fag sinn sa chas sa bheil. ’S tu righ nam planaid gu h-ard Tha do bhuaidh thar chaich ’s do chliu, ’S tu tabhairt solais daibh gu leir O d’ ghnuis aluinn, eibhinn, chiuin. Ghabh an duldachd seilbh ’san tir O’n thug thu do sgriob a null Ghlas gach sruth mar stailinn chruaidh Gu d’ theachd buadhmhor oirnn as ur. B’e sin teachd nam mile buadh, Do cheile do’n taobh tuath le sith, A thabhairt aimsir na cranntachd uainn; ’Sa chur lon air snuadh gach ni. Ged chite ’n iarmailte fo ghruaim, Le buaireas na luath-ghaoith dhian, Cha ghluaisir bho d’ shorachan ard Do gheal aigh a’s aile fiamh. Ged bheucadh tormanan na speur Le dealan gheur-bheumach garg, Tha thusa ad ghloir os an ceann Is tu ’cur t-iunntais fhein gu lar. Is caoin do dhearrsadh air an fheur Anns an og-mhios cheitein chiuin, Is gach lus maoth air cluain a bhlair Ag eirigh suas rid’ bhlas troimh ’n uir. Tha flora nan neoineanan grinn Air a deanamh riomhach tla, A cur fo sgeimh aig teachd do chuairt Air feadh chluan us bhruach bheann ard. Sgeadaichear gach glac us bruach Theid obair nadair suas a muirn Ath-nuadhaichear le t-iochd bho’n eug Gach lag us meanbh de’n treud as ur. ’Nuair dh’fhalaichear do ghnuis ’san iar, Theid ianlaith bheag nan sgiath gu tamh, Us iarrar leotha aitean dion ’S iad ag ionndrain meud do bhlais. Gus an sgaoil do ghathan ciuin Ann san ear aig tus an la, ’Gan cuireadh le failt as ur Gu seinn dhuit ’s an driuchd air lar. Thug Iehobhah, Righ nan dul, Aileachd dhuit os cionn nan reul, Amhuil mar e fein na ghloir Ann an cosraidh ard nan neamh. Chreideadh le cuid de’n t-sluagh Gu’m bu leatsa buaidh nan ard, ’S gum bu tusa ’n cumhachd treun Thug riaghladh gu leir do chach. ’S ann bho oirdhearcas do ghnuis Thogadh suas do chliu a ghrian Leis na chreid na t-uile ghloir, Gu’m bu leatsa morchuis Dhia. Is do-thuigsinn do’n umbal dhall Meud na buaidh mor tha ’nad neart ’S da mhaise tha thu leigeadh bhuat Anns gach uair do’n t-sluagh ma seach. Co thug dhuit do ghloir ’s do chrun A ghleidh ’sa chum thu riamh gun smal? Co ach riaghladair nan dul, A dhealbh do ghnuis heal churaidh ghlan. Ged is ard thu anns an speur Is iosal teann do threud a lair Is tu le iochd ’gar dion o’n fhuachd Le d’ ghathan caoin-gheal laidir blath. ’S diomhaireachd mhor thu os ar cinn. Tha thu toirt dulan do gach neach Eolas fhaotainn air do ghloir A ghleidh thu riamh fo d’ chleoca taisgte. O! nach mise ’s cach gu leir A ghleidh ar cuisean fein cho glan, ’S ged dheante gairm oirnn leis an eug Cha b’ aobhar gruaim do d’threud do theachd. Ach Fhir a dhealbh gach ni bho thus Thoir eolas dhuinn le tur gun airc, Gu siubhal glan troimh ghleann nan deur Mar ghleidh thu riamh a ghrian fo dhreach. Rinneadh an t-oran so le Alasdair Domhnullach, a rugadh an Gleann-Uige am Muideart mu’n bhliadhna 1819. Thainig e do’n duthaich so ’nuair a bha e deich bliadhna dh’aois, agus shuidhich e an Antigonish. Abrair ris am bitheantas, “Bard na Ceapaich.” Leighsidh Minard’s Liniment deideadh. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathail cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHLAIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 159] [Vol. 2. No. 21. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB IV.—Air a Leantuinn. Dh’fuathaich an t-Seann Nathair Tighearna na Cogais le fuath iomlan oir spion e moran as a crogan. Tuilleadh fos bha e na chomas toirt air cnoc Gloir Dhiomhain losgadh le teine, agus bas a fhrasadh a nuas air uile naimhdean. Chunnaic Peadar na choltasa aon cosmhuil ri Emmanuel agus eadhon air dha bhi air a sgiursadh, ghradhaich se e agus chuir e earbs’ ann. Ach bha ’n t-seann nathair a toinneamh ’sa sniomhadh measg na ’n uaighean ag imlich an duslaich ’sa sputadh mach puinnsean marbhtach. Thilg Delilah smugaid air Peadar, agus mhallaich i Tighearna na Cogais. An sin Peadar—air dha chorp bhi air a neartachadh agus a shuilean air am fosgladh le Cuip Tighearna na Cogais—dh’eisd e agus chual e monmhor na fairge. Thionndaidh e agus theich e dha ionnsuidh reub dris a’s droigheann fhalluinn, shil fhuil sios dh ionnsuidh an talamh; gidheadh ghreas e air aghart le eagal o Chuip Tighearna na Cogais. Ruig e ’n cladach leth mharbh agus fhuair e bhrathair Tomas na chadail ’s na shuain air na creagan; a lamhan lan do shligean agus a muir-lan a comhdach a chasan. Thug Peadar crathadh dha agus ghlaodh e, “Duisg!” ach bha esan a monmhar na chadal “Feallsanach Tomas,” Feallsanach Tomas” dh fosgail e shuilean agus dh feoraich e an robh e ri tairneanaich. Ghlaodh a bhrathair. “Teich airson t’ anama” oir chual e guth Tighearna na Cogais a measg na’n chraobhan. “Gabh cuisean gu sochrach” arsa Tomas agus e na shuidhe suathadh a shuilean. ’Sa ’n ath mhionain thug slat Tighearna na Cogais air leum o’n talamh; dh’feuch e ri reusonachadh ris, ach thionndaidh iallan na slaite reusonachadh gu caoidh. Bha a ghnuis co borb, ’s gu’n tug na gillean suas iad fein airson a bhais; ach ghairm Immanuel nuair ghabhadh do’n t’ soitheach e, agus ghlaodh e airson trocair. ’Nuair chuala Tighearna na Cogais ainm Immanuel, thuit a lamh ri thaobh; thionndaidh e do’n fhridh, agus cha’n fhac iad e tuilleadh; ach dh’fhan na lotan a rinneadh le ’shlait. Bha Peadar agus Tomas a nis co togarrach bhi fagail Fein-Earbsa sa bha iad roimhe so a dhol air tir air. Rinneadh urnaigh a ghnath air an son le ’mhathair agus le Mairi a ghuidh air Criosduidh an “Gealladh” chur air toir na ’n gillean. Dh’orduich e dha Eudmhor a’m bata fhuasgladh agus a leigeil air faontradh, air dha fios bhi aige do bhrigh gu’n d’ sheid a ghaoth dh’ionnsuidh a chladaich gu ruigeadh i a thiota na gillean. Chaidh Peadar agus Tomas steach do’n “Ghealladh” agus as deigh mor luasgadh rainig iad “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Chuidich “Timoteus” agus “Cuilc-Bhruite” iad an am teachd air bord. Air do’n athair bhi feargach cha’n fhaodadh iad teachd na lathair; threoraich a mhathair iad dh-ionnsuidh seomar Doctair “Saor Ghras”—a fhuair iad na ’n torr leointean, agus dhung e iad le “Ioc-shlainte Ghilead.” Dhinnis e dhoibh nach robh cunnairt bais na’n tugadh iad geill da bhriatha-san; gidheadh gu fanadh na creuchdan moran laithean. Tomhaiseachain. (1) Each mor dubh, A’ mireadh ris an t-sruth, Cha’n ’eil an Alba no’n Eirinn Na leumas air a mhuin. (2) Is cruinne e na ball, Is fhaide e na long. (3) Illeachdan is ailleachdan Air bharr na slaite ruaidhe, Mac a’ tighinn o’ mhathair Is a mhathair a’ tighinn uaithe. (4) Rugadh e gun anam, Bhasaich e gun anam, ’S bha anam ann. (5) Cailleach bheag a’ tighinn do ’n bhaile, chreagada-chreag air a muin; casan oirre ’s i gun lamhan, ’s pocan cathadh ’na h-uchd. (6) Thuit ubhail ’san amhainn ’s thog coignear i, chagainn ceathrar ar fhichead i, s cha do shluig i ach an aon fhear— (7) Bean an taigh e ’ghliogain, Bean an taighe ’ghlagain. Bean an taighe nach d’ ith biadh ’S nach d’ rinn riamh a h-altachadh. (8) Maide caol cam Eadar da ghleann An uair a ghluaiseas am maide cam Gluaisidh an da ghleann. (9) An rud nach ’eil ’s nach robh ’s nach bi, sin do lamh ’s chi thu e. Bi’dh freagairtean nan tomhaiseachan so air an toirt san ath aireamh. So freagairtean nan tomhaiseachan a bha ’san aireamh mu dheireadh,— (1) Litir. (2) an Deatach. (4) Bo na ruith ’s i geumnaich. (6) A chliath-chliathaidh. (7) A chlach-mheallain. (8) An t-seilcheag. Tha Addison Le Cain, Windsor & Annapolis R’y, a sgriobhadh. Bha mo bhean tinn le droch stamaig aireamh bhliadhnachan, agus cha d’ fhuair i ni a chuireadh am feobhas i gus na dh’fheuch K. D. C. Agus rinn e feum iongatach dhi. Leighis e ’n uine gle ghoirid i. Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhridh na cleirich Gailig. [TD 160] [Vol. 2. No. 21. p. 8] TAIGH-AN-DROMA Rannan le drobhair a bha diombach airson na bha aige ri ’phaigheadh an Taigh-an-Droma. LUINNEAG. ’Si mo dhuthich ’tha ’tigh’nn air m’ aire, ’Si mo dhuthich ’tha ’tigh’nn air m’ aire, ’Si mo dhuthich ’tha tigh’nn air m’ aire, An t-Eilein Muileach ’thu lurach beannach. Taigh-an-droma gun dean mi ’fhagail, S cha bu chruaidh leam e bhi na fhasach; Fhuair mi feoil ann ’s cha ghearradh sabh i, ’S cha dugadh m’ fhiaclan mir as a chaise. ’Nuair a chaidh mi staigh do’n t-seombar, Bha na trinnseirean ann an ordagh, Is bha brot ann gun ghraine feola, ’S air leam fhin gum bu phris dha grota. ’Nuair a chaidh air gairm gu cunntas Cha robh agam bonn airgid muthidh; Thug mi not dh’ i ’s bu mhor mo shuil innt, ’S cha do thill thugam ach aon chrun d’i. ’S e ’n t-Eilein Muileach an t-Eilein aghmhor, An t-Eilein ciatach mu ’n iadh an saile; ’S beag an t-ionghnadh gach ni a dh’fhas ann, Gheibhteadh biadh ann ’s’ cha n-iarrteadh paigheadh. ORAN. Le Gilleaspuig Caimbeul, a rinn e na shean-aois ’nuair bha a theaghlach air sgapadh. FONN.—Ochoin tha mi muladach, Cha ’n urrainn mi ga fhuadach; Tha m’ intinn trom ’s cha’n iongantach. A smaointinn air a chuideachd A bhiodh cuireadach mun cuairt dhomh. Gur mise tha dheth bronach La-nollaig ’s mi na ’m onar Na fir a bheireadh solas Gur fad’ air fogradh bhuam iad. Tha Alasdair air posadh Is Eobhann ’s an Roinn Eorpa Tha Cursti fo na feidean Is Domhnull fo na stuadhan. Cha ’n eil an diugh am dhail diu Ach Anna agus Iain-Tearlach; Is beag an rud a dh’fhagadh Mo larachs’ air a sguabadh. Tha chuis an diugh ro chearbach Is Anna bagairt falbh oirnn Na h-oghaichean nan leanabain, ’S an t-sean-bhean air toirt suas oirnn. Ach o’n tha Peggie dluth dhomh Cha ’n ion dhomh bhi ga h-ionndrainn; Oir thig i mar bu duchas A chur air cul mo ghruamain. Cha dean mulad sta dhuinn, ’S e cridhealas a’ s fhearr duinn; Mo shoraidh leis na cairdean Le m’ b’ abhaist a bhi suairce. Chaochail Gilleasbuig Caimbeul mu’n bhliadhna 1867. Bha Alasdair a mhac a tha air ainmeachadh san oran so, fad ioma bliadhna na Bhall Parlamaid air son Siorramachd Inbherneis, C. B. Agus tha Eobhann na Mhinistier an’ Eilean Leobhais ’an Albainn. Chaidh seachd ionnsaidhean a thoirt o chionn mios air an carbad iaruinn a chur far an rathaid aig Lorette, Quebec. Thugadh an ionnsaidh mu dheireadh oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s a chaidh. Tha chroich a dh’ fheitheamh air cuid-eigin. LEABHRAICHEAN GAILIG. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 161] [Vol. 2. No. 22. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 2, 1893. No. 22. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Chaill Uilleam Goodim, an Digby, a lamh ann am muillean sabhaidh an la riomhe agus an ceann latha no tha dh’ eug e. Chaidh tigh-airneis a losgadh ann a Yarmouth, N. S., oidche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha fiach deich mile dolar air a chall. Bha teine mor ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh. Bha tigh ceannachd a b’ fhiach leth cheud mile dolar air a losgadh gu lar. Chaill aon duine a bheatha. Tha e air a radh gu’n tainig litrichean gu Quebec o chionn ghoirid a taobh tuath Labrador ag innseadh gu’n do bhasaich da cheud a dh’ Innseanaich an aite sin le gort air a gheamhradh s’a chaidh. Ma tha so fior tha e ma ni muladach. Bha crith thalmhainn ann am Montreal ’s anns an duthaich mu’n cuairt Di-luain s’a chaidh. Bha i air a faireachadh ann an caochladh aitean ’sna Staitean a Tuath agus a mach air an duthaich an ear ’s an iar air Montreal, ach bha i a reir coltais na bu truime mu’n bhaile na’n aite sam bith eile. Thainig a chrith beagan romh mheadhon latha, agus, ged nach do mhair i leth mionaid chuir i eagal an gonaidh air gach duine beo a bha ’sa bhaile, ged nach deachaidh leon no marbhadh a dheanamh idir. Bha na sgoilean, na taighean curtach, ’s na taighean ceannachd loma lan sluaigh, gach duine air ceann a ghnothuich fhein, agus ’nuair a thoisich na taighean air luasgadh ’s air bragadaich mar gu’n tigeadh iad ma’n cinn, thug iad uile an aghaidh air na dorsain agus thug iad a mach an t-sraid cho luath sa ghabhadh sin deanamh dhaibh. Ann an storaichean thuit moran dhe’n bhathar air an urlar, agus far an robh soithichean glainne no creadha bha iad air am bristeadh nam piosan beaga, agus bha cisteachan mora iaruinn air thuraman a null ’sa nall mar bhiodh bataichean ann an stoirm. Ann an aon de na taighean-curtach bha chuirt na suidhe agus am breitheamh ’sna fir-lagha a feuchainn ri breith a thoirt air duine ’bha air am beulaobh air son suim mhor airgid a ghoid. Ach nuair a thoisich an tigh air crith thog iad rithe ’s eagal orra gu robh breitheanas a tigh’nn orra fhein, ’s thog an shuagh rithe nan deigh. Dh’ fhalbh am maor am measg chaich agus leig e cead a choise leis a phriosanach. Am Bodach ’s an Cu. Bha duin’ uasal ann uair eigin aig an an robh a chleachdadh a bhi dol air chuairt a h uile samhradh do’n Roinn Eorpa agus aon bhliadhna nuair a dh’ fhalbh e dh’ fhag e cu agus bodhachan beag de dhuine a ghleidheadh an taighe. Bha cathair mhor anns an rum agus bha’n cu gle dheigheil air a bhi cadal ann. Bha’m bodach e fhein a sanntachadh na caithreach, oir bha i anabarrach socair, ach bha ’n cu na bheathach garg ’s cha leigeadh an t-eagal leis ionnsaidh a thoirt air a chur as. Ach smaointich a gu’n toireadh e an car as. Chaidh e dh’ ionnsaidh na h-uinneig agus thoisich e air miagail mar gu’m biodh cat. Nuair a chuala ’n cu sin, thug e roid as deigh a chait, agus mu’n d’fhuair e mach nach robh cat ann bha’m bodach sa chathair. Rinn e ’n cleas so air uair us uair, ach aon latha bha e na shsidhe gu socair sa chathair ’nuair a thainig an cu a stigh, ’sa chunnaic e mar a bha gnothuichean. Chuir e dha spoig air sgeilp na h-uinneig agus thoisich e air comhartaich mar gu’m biodh cuid-eigin a muigh. Ruith am bodach a dh’ fhaicinn co bh’ ann, ach ma ruith, ruith an cu ’s chaidh e an chathair. Nuair a sheall am bodach a mach cha robh ni no neach ri fhaicinn. Chaidh duine ghlachdadh an Sidni a Tuath oidhche Di-luain agus a chur do’n phriosan air son a bhi na sheasamh air an t-sraid anmoch ’s an oidhche gun fhios c’ar son. Cha tugadh e suas ainm idir, agus fhuaradh daga, da uaireadair, agus pasg iuchraichean air a shiubhal. ’Sa mhaduinn thugadh gu fear-ceartais e, agus air dha innse co e ’s co as a bha e leigeadh ma sgaoil e an deigh an daga thoirt uaithe. Chaidh duin’ og da’m b’ainm Vincent Mac Carmaic a mharbhadh anns a mheinn am Bridgeport Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’n deigh sgur a dh’ obair ’s e faibh dhachaidh nuair a thuit clach air. Bhuail i air ’sa cheann ’s bha e marbh am beagan mhionaidean. Mharbh fear da’m b’ainm Iain Foster a bha fuireach ann an Uniontown, N. S., a bhean ’s a thriuir chloinne an la roimhe agus an sin chuir e daga ri ’cheann fhein ’s thaing e ri ’bheatha. Tha iad a deanamh gu robh e as a rian. [TD 162] [Vol. 2. No. 22. p. 2] BAKER CAM AGUS BUIDSEIR BREAC. Bha aun an baille Ghlaschu bho cheann aireamh math do bhliadhnachan da ghille og Ghaidhealach ag ionnsachadh an ceirde. Bha fear dhiu d’ am b’ ainm Uisdean, agus b’ e ainm an fhir eile Calum og, agus air dhaibh a bhi gabhail sraid feadh a’ bhaile air feasgar araidh, thachair boirionnach orra agus i a’ caoineadh. Sheall Calum og as a dheigh an uair a chaidh i seachad agus ars’ esan, “ma ta, cha chreid mi nach i boirionnach Gaidhealach a chaidh seachad oirnn an sud.” “Cha ’n ’eil a h-uile te air am bheil currachd geal Gaidhealach.” “Coma leat i,” ars’ Uisdean. “Cha ’n eil,” arsa Calum, “ach tha mi meallta am bharail air neo tha i sud ann; tiugainn agus theid sinn ceum seachad oirre ’rithist.” Thill iad air an sail, agus an uair a bha iad a’ dol seachad oirre thuirt Calum, “Ciod e tha cearr oirbh a bhean?” “Oh, eudail nan gillean,” ars’ ise, ’s i breith air bhroilleach a’ chot’ aige mar nach biodh a mhiann oirre a leigeil as tuilleadh, “nach ’eil mis’ air chall.” “Cia mar a chaidh sibh air chall?” arsa Calum. “Ma ta,” thuirt ise, “chaidh leis an dalmachd. Tha mi fuireach le m’ nighinn an Glasachu bho cheann bhliadhnachan agus thainig caileag bheag, odha dhomh, agus dh’ fhag i ann an tigh bean-eolais mi, agus bha i ri tilleadh air mo thoir an uair a thigeadh i as an sgoil, agus an uair a bha mi gabhail fadail nach robh i tighinn’ thuirt mi ris a’ bhoirionnach gu ’n rachadh agam fheinn air mo rathad a dheanadh dhachaidh, agus so agad is deireadh dha.” “Co an ceann do ’n bhaile ’s an robh sibh a’ fuireach?” arsa Calum. “Cha ’n ann ’n a cheann a bha mi fuireach idir, eudail, ach ’n a theis-meadhoin,” ars’ ise. “Nach ’eil ainm na sraide, na aireamh a chlous agaibh?” ars’ Uisdein. “Cha ’n ’eil, mo ghaol,” ars’ ise, “ainm sraide, ’s a’ bhaile agam, ach tha Baker cam agus buth aige air an dara taobh do’n chlous, agus Buidseir breac agus buth aig air an taobh eile.” Rinn Calum gaire ’s thubhairt e, “’s iomadh Baker cam agus Buidseir breac a dh’ fhaodadh a bhi an Glaschu, ach co-dhiu, feumaidh sinn oidhirp air chor-eigin a dheanamh air ar faicinn dhachaidh.” Thoisich an iarraidh agus b’ e sin an iarraidh gun a leithid, feuch am faighte Baker cam agus Buidseir breac; ged a gheibhte an dara fear cha deanadh sin math sam bith mar biodh am fear eile laimh ris. Fhuair iad aon uair Baker cam, ach cha b’e sud an duine ceart. Fhuair iad uair eile Buidseir breac, ach thubhairt am boirionnach nach b’ e sud an duine idir. “Cha ’n eil an snd ach duine caol, glas, ach ’s ann a tha ’m fear a tha sinne ag iarraidh mor reamhar; thogadh e an triuir againn na ’m biodh e air an dara ceann do’n mheigh, agus sinne air a’ cheann eile.” Ach thachair gille og Gaidhealach orm air an robh Calum eolach agus thoisich iad as ur air iarraidh Baker cam agus Buidseir breac, agus le comhnadh fir a’ chota ghuirm, agus cuid d’ a chompanaich a bha ’tachairt air, fhuair iad, an deigh da uair do thim a chosd g’ an iarraidh, am Baker cam agus am Buidseir breac; agus an uair a chunnaic i iad cha b’ urrainn i tuilleadh gairdeachas a dheanadh ged a chitheadh i Gomastra. Ach bha Uisdean ag radh mar bhith an t-am do ’n bhliadhna bh’ ann gu ’n abradh daoine gur ann a bha iad air ghogaireachd. An uair a chunnaic na gillean gu’n robh am boirionnach aig a h-aite comhnuidh bha iad air son beannachd fhagail aice, ach cha deanadh sud feum. ’S e dh’ fheumadh iad dol suas thun an tighe; ’s an uair a chaidh iad a stigh rinn muinntir an tighe moran othail riutha a chionn gu ’n tug iad grannie dhachaidh, bho ’n bha eagal orra nach faiceadh iad beo tuilleadh i. Thubhairt bean-an-tighe nach do dh’ fhag iad Police Office an Glaschu nach robh iad ann, “Ma ta,” thuirt an t-seanabhean, “cha ruigeadh sibh a leas a bhi g’am iarraidh sa ’s a’ Police Office, agus triuir Policeman ’n am freiceadan orm a falbh na sraide; ach mar bhiodh na gillean coire so, cha’n eil fhios cia mar a rachadh dhomh idir. Tha uait,” ars’ ise, ’s i tionndadh ri ’h-ighinn, “sealltainn am bheil deur a stigh agad a’s soilleire na ti.” Thug bean an tighe air lom am botul, agus an uair a chaidh a chuir mu’n cuairt thuirt an t-seana-bhean ’s i ’n a suidhe lamh ri Calum. “Air leam gu’n d’ thubhairt thu gur saor a a bh’ annad.” “Thubhairt mi sin,” ars’ esan. “An cuala tu,” ars’ ise. “iomradh riamh air an t-saor Mac-Pheidh?” “Chuala mi an t-ainm, ach ’s e sin uil’ e,” ars’ esan. “Bha an saor Mac-Pheidh, ars’ ise, “na latha ’s na linn fuasach ainmeil ann an Albalnn. Chualas a chliu eadhon an Sasunn, agus thainig da shaor Sasunach a dh’ aon obair g’ a fhaicinn. Chuala ’n saor Mac-Pheidh gu ’n robh iad a’ tighinn agus ’s a rinn e a chuid ghillean a chur air falbh as a’ bhuth taobheigin eile, agus chuir e fhein dheth a chota agus chuir e air an t-aparan agus thoisich e. Thainig na Sasunnaich a stigh agus dh’ fheoraich fear dhiubh am b’ e sud am buth aig an t-saor Mac-Pheidh? Thuirt Mac-Pheidh gu ’m be’ e. Am bheil e aig an tigh an diugh? thuirt an Sasunnach? Cha ’n ’eil, thuirt Mac-a-Pheidh, tha e air falbh leis na gillean a’ togail caisteil, cho math ri leth-cheud mile as a so. An tusa, ars’ an Sasunnach, a tha sealltainn as deigh a ghnothaich fhad ’s a tha e air falbh? Cha mhi, arsa Mac-Pheidh, tha neach eile ris’ a sin. Cha ’n ’eil mis ach ag ionnsachadh mo cheirde. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun, 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN. [TD 163] [Vol. 2. No. 22. p. 3] “Fad ’s a bha ’n seanachas so dol air aghart, bha MacPheidh ag obair air deanadh cas tail. Bha e anns an dara ceann do ’n bhuth, agus bha iarunn an tail ann an glamus anns a’ chean eile. An uair a bheireadh e sgriob no dha do ’n lochdair air cas an tail chuireadh e ri ’shuil i ’s chaogadh e ris an iarunn a bha cho math ri fichead slat uaithe. Bha na Sasunnaich ’s am beoil ’s an suilean fosgailte ag amharc an duine, ach rug Mac Pheidh air cas an tail air theis-meadhoin agus bhuail e gnogag do ’n ord oirre fo chul a laimhe agus dh’fhalbh i mar gu ’n tilgte a gunn’ i, agus thug i glag ann an suil an iaruinn a bha ’s a’ ghlamus an ceann eile a bhuth, agus an uair a thug e as i bha an tal deas, glan, air son dol a dh’ obair leatha. Falbh, falbh, ars’ an Sasunnach, dhachaidh sinn! ’N uair a ni am fear a tha ag ionnsachadh a cheirde sud, gu ’n seachnadh am fortan oirnn a mhaighstir. “Tha eagal orm,” ars’ Uisdean, “gu’n robh tuilleadh ’s a’ Chreud ’s a’ Phaidir aig MacPheidh.” “Tha sin agaibh a nis sgeulachd,” ars’ an t-seanna-bhean, “ach bheir mi dhuibh maigheachd fhior.” “Bha anns a’ bhaile ’s an d’ rugadh ’s an do thogadh mise, duine ris an abradh iad an “Cartan;” mar fharainm, ged nach b’ urrainn iad ainm eile cho mi-fhreagarrach a thoirt air, a chionn ’s e ’s cleachadh leis a’ chreutair ris an abair iad an “cartan” greimeachadh gu daingean, anns an aite ’s am faigh e greim; ach bha Murrachadh calg-dhireach ’n a aghaidh sin—tha mi ’m beachd gur e an gobhlan-gaoithe e b’ fhearr a fhreagradh air, a chionn cha robh e riamh fada ’s an aon aite. Cha do phos e riamh a choinn “cha ghabhadh e na coisichean ’s tha ’n fhaighe na marcrichean.” Bha tri eaglaisean ’s an sgireachd agus bha an Cartan greis ’na bhall daingean anns a’ h-uile aon diubh. ’S e theireadh Iain Mac Ailein, bard na sgireachd, na mar theireadh an Cartan fhein ris ‘ceard na sgireachd,’ co dhiubh, ’s e theireadh Iain gu ’m b’ e an t-aobhar a chuir nach robh an Cartan anns a’ cheathramh eaglais, a chionn nach robh i ann. Ach air latha do no laithean, ged nach cualas iomradh riamh roimhe aig air, thug an Cartan an togail ud air fhein bhar an aite ’s an robh e ’n a shuidhe, agus, ars’ esan, Co bhiodh a dol bas ’s a’ bhaile so, agus obair gul leor an Glaschu? agus gun an corr mu dheibhinn a mach a ghabh e ’s thug e Glaschu air. Bha brathair aige ’s a’ bhaile mhor a bha posda agus a theaghlach togta, agus b’ ann an tigh a bhrathar a bha ’n Cartan a fuireach. Bha caraid dhaibh a bha ag obair aig feadhainn aig an robh stor dibhe, agus b’ ann ris an duine so a bha ’n Cartan ag earbsa obair fhaotainn dha. Thubhairt am fear so ris nach robh na daoine acasan a toirt obair do neach nach robh do ’n aon chreideamh riutha fhein. Ciod e an creideamh a tha ’n sin? ars’ an Cartan ’s ann dona tha e air neo tha e na ’s fearr na ’n fheadhainn a tha dol. “Thoisich a charaid agus thug e dha ann am briathran snasmhor, agus ’s ann dha b’ aithne, mheudaich agus leudaich e air a h-uile beannachd a bha sruthradh bho’n chreideamh so. Bha e ur is bha e eireachdail. “A nis ’s e an creideamh a bh’ann, beachd a bh’ aig aireamh bheag do ’n tsluagh mu dheibhinn staid an duinne an deigh a bhais. Bha bhuidheann a bha sud a’ creidsinn cho luath ’s a dh’ fhagadh an anail neach gu’n robh e tighinn beo an atharrachadh cruth. Math dh’fhaoidte an riochd feidh, na earba, na coileach peucaig, ’s a h-uile creutair eile bu bhoidhche na cheile. Ach co dhiubh, cha robh an Cartan fada faotainn a stigh anns gach diomhaireachd a bha mu’n cuairt air a chreideamh a bha ’n sud. “Bha e ri obair fhaotainn an ceann lath no dha bho ’n duinne mhor ud, agus thubhairt a charaid ris gu’n robh duine fuasach foghluimte do’n chuideachd aca a dol a thoirt seachad oraid gu goirid air ‘cruthachadh an duine, agus co a dh’ ionnsaich bruidhinn do Adhamh,’ agus gu ’m feumadh e dol g’ a eisdeachd, agus gun teagamh rachadh an Cartan g’ a eisdeach ged nach tuigeadh e an treasamh trian do na bhiodh an duine ag radh. An uair a thainig e dhachaidh feasgar ’s a thoisich e air innseadh mar a chaidh dha ’s gu’n robh e dol an ath oidhche a dh’eisdeachd an duine ainmeil a bha dol a dh’ innse co a dh’ionnsaich bruidhinn do Adhamh. “Nach ’eil fhios aig a h-uile duine co dh’ ionnsaich bruidhinn do Adhamh, arsa Ruairidh og, mac a bhrathar. Cha ’n eil, ars, an Cartan, fios aig neach an Glaschu, no ’n Albainn co dh’ ionnsaich bruidhinn do dh Adhamh, ach aig aon fear, agus ’s e sin am fear a dh’ ainmich mi. So, so, ars Rdaraidh, na bithibh a deanamh culaidh-bhuird dhibh fhein air an doigh sin, nach ’eil fhois aig gach balachan beag ’s a’ bhaile co dh’ ionnsaich bruidhinn do dh’ Adhamh. Agus co dh’ ionnsaich dha i ma ta? Nach do dh’ ionnsaich a bhean,” arsa Ruaraidh. Tha mi creidsinn mur bristeadh a ghaireachdaich air a h-uile neach a bha a stigh, gu ’m foghnadh an fhreagairt ud fhein leis a Chartan. Cha ’n eil fhios agam, ars’ esan, nach bi mi fhathasd ann am uiseig ’s mi seinn anns a’ speur os ceann a’ Choire Bhain. Cha ’n ’eil fhois agam, arsa Ruairidh, nach bi thu a’ d’ chirc-fhraoich ’s an Leabaidh-lathrich agus nach cuir an Sasunnach caol urchair annad. Cha ’n eil fhios agam nach be mi ’m bhradan ’s mi leum an Eas a Bhric, ars’ an Cartan. Cha ’n ’eil fhios agam ars Ruairidh, nach bi thu ann ad nathair ’s cha bhi duine thachras ort, leis nach bu mhath an t-eanachainn a chur asad. Dh’ fhaoidte, gur ann a bhios mi am fhiadh, ars’ an Cartan. Dh’ fhaoidte, arsa Ruairidh, gur ann a bhios thu a’ d asail ’s tu slaodadh barra guail air sraidean Ghlaschu. “Ach co dhiubh, fhuair an Cartan obair. Bha aige ri bhi dol a mach le barra air uairibh. Bha balach beag aig gu falbh leis gus am fasadh e fhein eolach. Shiu fear an stoir dha botul; agus thuirt e ris ol. Air fad? ars’ an Cartan. A h-uile deur dheth ars’ am fear eile, cha teid sin a’ d’ cheann. Ach an uair a dh’ fhuasgail e an t-sreang dheth, cha do dh’ fhuirich deur dheth nach do spread ’n a shuilean, agus an uair a sheall e mu ’n cuairt air, ars’ esan, nach be ’m fortan a shabhail mi nach do dh’ ol mi stuth an uamhais. Thugadh an so am barra air lom, ach cha do chord e idir ris a’ Chartan. Cha b’ e sud an seorsa barra bh’ aca ’s a’ Ghaidhealtachd. ’S ann a bha sud ni bu choltaiche ris a’ chairt uir a fhuair Lachunn nan sgrath, agus dh’ fheumadh e bhi ’dol an comhair a chuil ann, direach mar a chuireadh Lachunn an lair bhan anns gach crios ’us iall a bha ’n crochadh ris a’ bharra, sheall e mu’n cuairt air ’s cha robh e idir toilichte. ’S ann a bhuail an t-eagal e gu ’n robh e dol a dh’ atharrachadh cruth mu ’n tigeadh am bas idir air. Agus bha an asail ’s i a’ slaodadh a’ bharra ghuail, mar a dh’ainmich Ruairidh, a tighinn tuilleadh ’s a choir teann air tachairt. Nach ann air an t-saohgal a thainig e ’n uair a bhiodh mac mo mhathar ’us m’ athar air a chuir ann an cairt mar gu ’m biodh seann each odhar ann ars’ esan, agus thilg e uaithe am barra. Dh’ fhag e ’n stor ’s na bh’ ann an sud, ’s thug e dhachaidh air, agus cha do dh’ fhuirich e an Glaschu ni b’ fhaide na b’ eudar dha. Leighsidh Minard’s Liniment cnatan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 164] [Vol. 2. No. 22. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 2, 1893. Fhuair sinn aireamh mhath de ghabhaltaichean ura o chionn ghoirid a ghabh ris an tairgse a thug sinn dhaibh, am paipear a chur d’an ionnsaidh gu deireadh na bliadhna s’a tighinn air son pris bliadhna, aon dolar. Tha suil againn ri aireamh mhor fhathast. Cuireadh iad an ainnean air adhart gun dail agus an t-airgiod nan cois. Anns an aireamh mu dheireadh thug sinn da’r luchd leubhaidh beagan fhaclan a mineachadh cuid de shean-fhacail nan Gaidheal. Bu choir dhuinn a radh gu robh e air a sgriobhadh leis an Urr Iain Mac Ruairidh, no mar a their e ris fhein “Iain”. Bha ’n sgeulachd a gheibhear ’san aireamh so. “Baker cam agus Buidsear Breac” air a sgriobhadh le Iain Mac-Faidein an Glascho. Tha e air a radh gu bheil Mr. Gladstone a sior dhol air ais na shlainte. Tha a choltas a fas nas miosa gach latha ’s tha e air a radh gu’n deachaidh e as barrachd anns na deich seachdainean a chaidh seachad na anns na h-ochd bliadhna roimhe sin. Cha’n eil e gabhail fois sam bith mar bu choir dha bhith gabhail, tha e gach latha ann an tigh na parlamaid agus a labhairt air gach ceist a thig fa chomhair an taighe. Cha’n eil a choltas air an tigh gu sgaoil e gu’n deigh na bliadhn’ uire, agus tha eagal air cairdean Ghladstoine gu’m brist an obair ’s an curam air a shlainte gu buileach. Bha dotair aige roimhe so anns an robh lan earbsa aige agus bha a fhrithealadh a cuideachadh leis gu mor. Ach dh’ eug an dotair air an fhoghar so agus tha e nise air fhagail gun fear-sgile sam bith a gabhail curam dheth, agus mur urrainn a chairdean toirt air fois a ghabhail tha a laithean air an aireamh. Tha Gladstone a gabhail moran as laimh agus cha’n eil a neart a reir na h-oibreach ge do bhiodh gach ni a dol leis gu math, rud nach eil. Cha bhiodh e mar sin iongatach ge do bheireadh e suas an uine gun bhi fada. ’S ann a tha e ’na iongatas nach tug e suas o chionn-fhada. Tha na Gaidheil ann am baile Chicago a toirt oidhearp air Comunn Gailig a chur air chois. Cha’n eil duine gu bhi dhe’n chomunn sin ach muinntir a labhras Gailig. Bi’dh e ’san amharc aig a chomunn clanna nan Gaidheal sa bhaile a thoirt gu bhi nas eolaiche air a cheile na tha iad, agus gu bhi a chur barrachd luach air canain, air deise, ’s air cleachdaidhean an sinnsear. Tha sinn a’ guidhe soirbheachadh le Gaidheil Chicago agus an dochas gum bi an comunn aca na reul dhealrach am measg Chomunnan Gailig an t-saoghail. Tha nise air an taobh so dhe’n Atlantic ceithir comunnan a bha air an cur air chois air son cainnt nan Gaidheal a chumail beo,—aon an Toronto, aon a Hamilton, aon am Montreal agus aon an New York, Co their gu bheil a Ghailig a dol bas? Tha na h-Albannaich air an latha ’n diugh a riaghladh cha’n e mhain Alba ach Sasuinn agus an Impireachd Bhreatunnach air fad. Is Albannach Gladstone a thaobh athar. Is e Albannach a tha na ard-riaghladair air Canada agus ’s e Albannach a tha ’na ard-riaghladair air na h-Innsean an Ear. Tha Albannaich nan riaghladairean an Australia, am Figi agus anns na h-Innsean an Iar. Is Albannach Morair Rosebery aig a bheil dreuchd ard ann an Riaghladh Bhreatuinn an diugh. Faodair a radh le firinn gu bheil Alba, air son a meudachd, a deananh a cuid gu bhi cumail suas an t-saoghail agus ga dheanamh gu math. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile, Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: Iain Mac Gilleain, Gleann a Bhaird, N. S. Eoghan Mac Dhomhnuill, Sasuinn. Lachuinn Mac-a Phearsain, Kinross, P. E. I. Bean Chalum ’Ic-Leoid, Springfield Que. Mrs. Matheson, Valley Mills, C. B. J. D. Mac Pharlain, Knappa, Oregon. Coinneach Mac Aonghais, Baddeck. An t-Oileir A. G. Domhnullach, Truro; N. S. Uillean Domhnullach, Marion Bridge. D. Mac Neill, South River Lake, N. S. Donnacha Domhnullach, Bridgeport. M. R. MacNeil, Benacadie. Bean Iain Buchananan, Cow Bay. Seumas Mac Gilleain, Morleys Road D. F. Domhnullach, Calumet Michigan. Gilbert Brown, Shetland, Ont. Uisdean Mac Leoid, Harriston, Ont. An t-Uir Iain Friseal, Cladach-a Tuath C. B. Ma phaigh neach sam bith air son na blaidhna so dhe’n MHAC-TALLA ’s nach do chuireadh ainm ’sa phaipear, cuireadh e fios thugainn agus bheir sinn creideas dha gun dail. An duine tha gun chiall gun reusan tha e ’n duil gu bheil daoine eila cho mi-reusanta ris fhein. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. H. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 165] [Vol. 2. No. 22. p. 5] Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB IV.—Air a Leantuinn. Bha Criosduidh fein a nis fo mhor-thrioblaid. Sheid gaoth laidir dh’ionnsuidh a chladaich; Na ’n diobradh an acair bhitheadh an soitheach air a longbhriseadh. Tuilleadh fos, thuig e nis brigh an radh, “cha ’n eil maitheanas peacaidh aig gaothan no tonnan.” Dh’at an fhairge, dh’iath neulaibh dorch thairis air Fein-ghloir; thuit an oidche ro-mhithich. An sin thubhairt Criosduidh—air da spiorad bhi air irisleachadh an taobh stigh dheth—ri Tuigse, “Cos urrainn fuasgladh oirnn? Fhreagair Tuigse agus thubhairt e ris, “Bitheadh Creidimh agad ann an Dia. “Ach pheacaich mi an aghaidh soluis fhreagair Criosduidh. Chaidh a fhreagadh “ma dh’irislicheas tu thu fein air lathair an Tighearna gheibh thu maitheanas. An sin ghairm Criosduidh na maraichean mu’n cuairt air agus dh-aidich e fa chomhair an Tighearna an t-olc a rinn iad. Air dha Tuigse thoirt fanear gu robh iad an ioma-chomhairle dh’orduich e dhoibh an acair a thogail agus na siuil a chur ri Crann. Ghabh e fein a stiuir agus ach gann a seachnadh na’n creagan—rainig iad a’n cuan fosgailte. Ach cha robh a’ n trioblaidean fathasd aig crioch, mar a ta e sgriobhta: “Bha amadain air son an eusaantais agus air son an eucearta, fo amhghar. Do gach biadh ghabh an anam grain, agus thainig iad dluth do gheataibh bais. Nuair a dhuisg a ghaoth dhoinionnach agus a thog i a tonnan. Theid iad suas do na neamhaibh, theid iad sios do na doimhneachdaibh: le h-amhgar leaghaidh an anam. Theid iad thuige agus uaith agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus theid as da’n ceill uile. An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, nan airc, agus as an teanntachdaibh bheir e iad. Cuiridh e an doinionn gu feith; agus bithidh a tonnan na’n tamh. An sin bithid iad ait, a chionn gu’m bi iad samhach; agus bheir e iad do’n chaladh a’s miannach leo. Tomhaiseachain. (1) A bhun suas ’s a bharr sios ’s e fas mar sin. (2) Bodach beag a’ tighinn do’n bhaile, Ged is beag e bidh srann aige, Currachd uime ’s currachd aige ’S cota fada frangach. (3) Theid e ’s a’ mhuir ’s cha bhathar e Theid e ’s an teine ’s cha loisgear e ’S theid e gu bord an righ ’s cha bhacar e, (4) Cro lan de chaoraich gheala ’S aon chaora dhearg ’nam measg. (5) Chaidh mi do’n bheinn ’s fhuair mi e, shuidh mi air cnoc s dh’ iarr mi e, nam faighinn e dh’ fhagainn e ’s o nach d’ fhuair mi e thug mi leam e. (6) Nighean righ ’s a’ bhall’ ud thall. Eadar Ghaidheal agus Ghall, Dh’ oladh i fion bhar a boise ’S caol a coise troimh a ceann. (7) Chunnaic mi fitheach air cnoc, Da fhitheach air cnoc, Fitheach ag amhrac gach fithich, Co mheud fitheach a bh’ air a’ chnoc? (8) Cha mhac athar no mathar dhomh e, cha mhac peathar no brathar dhomh e, ach is i mo mhathairrsa bu mhathair dha’ mhathair-san. Gheibhear fragairtean nan to-mhaiseachan so san ath aireamh. Freagairtean nan tomhaiseachan a bha san aireamh mu dheireadh. (1) Roth mor a’ mhuilinn. (2) An latha ’s an oidhche. (4) A mhuc-mhara ’s an robh Ionah. (5) A’ chearc. (6) Na coig meoirean na fiaclan, agus an slugan. (7) Na h-iuchraichean. (8) A’ mheidh-thomhais. (9) Meoirean do lamh ’s aon fhad. Litir a Lunnuinn. Tha mi cinnteach gu ’m bi leughadairean MHIC-TALLA gu leir gle fhad’ an comain ar caraid “Iain” airson na litreach ghasda ’chuir e thuca bho ’n Eilean Sgiathanach agus bithidh iad ni ’s fhaide na chomain nuair a gheibh iad cothrom air na tomhaiseachain air am beil e deanamh luaidh. Tha mi de ’n aon bheachd ri “Iain” gu ’m bitheadh e na ni gle ghasda na ’n cuireadh na Gaidheil anns gach cearn de America agus de ’n Ghaidhealtachd na h-uile sean-fhacal agus tomhaiseachan a tha na ’n cuimhne ’dh’ ionnsuidh MHAC-TALLA oir cha ’n e mhain gu ’n d’ thoireadh so mor thoileachas do luchd-leughaldh a phaipeir ach bhitheadh e na mheadhon air iomadh radh brioghmhor a ghleidheadh bho dhol a’ cuimhne buileach. So agaibh ordugh airson £1,10s.—mar phaigheadh airson na h-aireamhan a tha sibh a cur thugam de MHAC-TALLA gu ruig toiseach Iulaidh. An aite ’n cur uile thugamsa mar tha sibh a deanamh a nis am bi sibh cho math agus aon a chur a dh’ionnsuidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so, agus leanaidh sibh air an corr a chur thugam fhein. Bhur caraid dileas, CABAR FEIDH. Tha aireamh de nithean air laimh againn air son an cur an clo a bha air an dunadh a mach as an aireamh so le cion rum. Gheibhear cuid diubh anns an ath aireamh. [TD 166] [Vol. 2. No. 22. p. 6] CUMHA. LE DUGHALL MAC EACHARN. So an tir ’tha fo mhulad, Tha gach duin innt’ fo ghruaim Mu na dh’ fhalbh air an turas ’Bhi fo iomain nan stuadh; Na fir fhoghainteach thlachdmhor ’Bu mhath cleachdadh ’measg sluaigh; Na fir chruadalach, thapidh, Nach biodh meat air a chuan. ’S ann a chiad mhios’ de’n gheamhradh, Gle theann air a chrich, ’N ceathramh latha de ’n t-seachdain, ’S math mo bheachd air an tim, ’Thug mi suil thar na mara ’Suas an taice ri tir, ’S gu’n robh ’m bata caol darich A dol seachad ’na sgriob. An am ciaradh do ’n fheasgar, ’S mi nam sheasamh leam fhin, Chualas fuaim ’s cha bu bheag i, B’ aobhar eagil an t-sid; Soirbheas cunbhalach seasmhach, ’Tigh’nn o ’n deas ’s cha b’ann cli; A chuir crioch air na fearibh ’Dh ’fhag an cala so shios. Air Dihaoine sa mhaduinn ’S mi ri gabhail an roid, Chunnacas bat’ a dol seachad Gun chroinn, acair, no seol, I for iomain an traghaidh, Agus strachdt thar a beoil; Gun robh ’n t-oganach sar-mhath Air a clar ’s e gun deo. Bhi gad ghuilan aig fearibh, ’S tu gun aithne, gun treoir. Dhuisg sin umlad dha t’ athir ’Bhios ’na aire ri bheo. Is mor m’ urram dha ’n mhathair A rinn t’ arach ’s tu og; Chuireadh misneach an cach leath’, Ged bu chraiteach a leon. Bha mi ’n de ann san tulich, ’S b’ aobhar mulaid an ceol; Gun robh maighdeanan tursach, ’S fir a lubadh le bron, ’Caoidh an oganich ur ghlain ’Bha fo dhunadh nam bord, Nuair a chuireadh san uir thu Shil mo shuilean le deoir. ’N Ti thug bhuainn an t-og aluinn ’S ann na laimh a tha ’n sgod, ’S thigeadh dhuinne ’bhi taingeil Ged tha ’n call do cho mor, ’S sinn an dochas gu laidir Air sgath bas Righ nr gloir’ Gu bheil anam am Paras; ’S tha chorp sabhailt’ fo’n fhoid. Ach a Dhomhnallich cheanalt’, Cha robh mearachd ad thurn. Bha do bhata grinn snasmhor ’S air a calcadh gu dluth. Bho a guallinn gu sliasid Bu ghlan garadh a buird; Tha do chairdean dheth clanail, ’S tu a’ m fiannis sa ghrunnd. Tha do cheile na h-onar, ’S tric na deoir ’ruith le ’gruaidh; S gearr a mheal i a coir ort, Cha robh ’m posadh dhi buan. Dh’fhalbh a h-aighear ’s a solas, Laigh dubh-bhron air a snuadh, Chi i t’ fhiodhull na seomar, Ach a ceol cha n-fheil bhuaise’. A dheagh Dhnuhnuill mhic Raoniull, ’S goirt is don tha do bhas Dha do bhantraich ’s dha d’ theaghlach Tha gad chaoidh-sa gach la; ’S iad mar uain ’bhiodh air faontrath Air an sgaoileadh ’s gach ait, Is nach dig thu ’chur saoid orr’, ’S truagh an glaodhich ri traigh. A shar Chaimbalich ghasda, ’S iomadh tlachd ’bh ort a fas. ’S mi nach deanadh de mheuradh Dhol ort seachad ’nam dhan, Bha thu ’shiol nam fear sgairteil ’Mach a Barra nam ba’gh, ’Thogadh siuil ris na crannibh ’Nuair nach caricheadh cach. Gu bheil t’ og-bhean dheth craiteach ’S guileag bais aic’ fo leon ’S beag an t-ionghnadh mar tha i, ’S gun a cairdean na coir, Cha robh cron ort ri aireamh Mur a traigheadh tu stop; ’S iomadh combanach sar-mhath ’Dheanadh pairt riut ’san ol. Tha do pheathrichean saricht’, ’S e do bhas rinn an leon; Thanig gruaim air an fhardich, Sguir an abhachd ’s an ceol. Gu bheil Domhnall ’s cha nar dha N impis traghadh le deoir; Gur lag guallan gun bhrathair, Rinn thu fhagail gle og. A mhic Eoghin mhic Eileig, Cha bu mhios’ thu na cach; Ged a thug mi dhuit deireadh, Cha n-e leth-phairt a b’ fhath. Gabhidh t’ oige mo leth-sgeal, ’S mar a fhreagras d’o m’ dhan; Ged bha m’ eolas sa cho beag ort, Cha n-fheil teagamh mu d’ ghnaths. Fhuair mi teisteanas cuil ort, ’S mor do bhiathas aig cach; Bha do ghiulan lan uaisle, Dh’ fhas i suas leat mar ghnaths. Dh’ fhag thu t’ athir gun sunnd air, ’S trom a dhruidh air do bhas,— Thu bhi ’d chadal gun dusgadh Ann sa ghrunnd far nach traigh. ’S iomadh maighdean ’tha bromach Is bean choir ’tha fo chradh A sior chaoidh nam fear oga Ann san rod a tha ’tamh. Bithibh danigean an dochas ’San Ti mhor tha gu h-ard COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 167] [Vol. 2. No. 22. p. 7] Gun do shealbhich iad solas Ann an comhnidh nan gras. Cha b’ e luigead am mismich, No an sgioba ’bhi fann Rinn na treunfhir a mhilleadh. Ach an gloine ’ruith gann. Thanig snaithean am beatha Grad gun fhios daibh gu ceann, Leis m teachdaire sgiosail ’Tha na thighinn cho meallt’. Bha iad cruadalach, sgairteil, Bha iad tlachdmhor, fior shuairc; Nam dhaibh suidh ’s taigh-osda Cha b’ e ’n t-ol a bhiodh bhuats’; Ach an t-eolas ’san tailneas ’S comhradh blasda mu’n cuairt. Tha mi ’n dochas ’s am barail Nach robh mearachd nan Duais. Chaidh mise leigheas de’n loimidh le MINARD’S LINIMENT. ANDREW KING. Halifax. Chaidh mise leigheas de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. LT.-COL. C. C. READ. Sussex. Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich le MINARD’S LINIMENT. C. S. BILLING. Markham, Ont. Thachir am bathadh mu ’n do rinneadh an cumha aig a Chamus Mhor, no ’n Gulf, an Antigonish. Bha Dughall Mac-Racharn a cunnail sgoile air a Ghulf aig an am. Thug a iomad bliadhna an deidh sin a cumail taigh-bordiadh am Picto. Chaochail e am Boston. Na biodh fiachan aig neach sam bith ort, ma d’ fhaodas tu idir. Agus ma tha fiachan aig neach ort grad fheuch ri’m paigheadh. Thuirt fear roimhe, “Cha phaigh mi sgillinn fhiach gu brath, oir cha’n eil ’s cha robh sgillinn fhiach aig duine orm. Tha Minard’s Liniment math do’n fhalt. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 168] [Vol. 2. No. 22. p. 8] Litir a Michigan. Chuir an t-Urramach A. Mac-Gilleain Sinclair an siathamh aireamh deug de MHAC-TALLA do ’m ionnsaidh. Cha robh fios agam gu’n robh an sgeulaiche seachdaineil so ann am bith gus an d’fhuair mi an aireamh so. Gabhaidh mise Mac-Talla, s mi a ghabhas agus failtichidh mi le solas e. Gheibh thu dolar bhuam ann am broinn na litreach so. Ma ’s urrainn thu coig deug de ’n aireamh a fhuair mi a chur do m ionnsaidh cuir ugam iad, agus do chunntas maille riutha. Bha mi aig a chruinneachadh mhor a bha aig Cloinn-Ghilleain ann an Chicago. S e a cheud duine airson a d’ fhaighneachd mi an t-Urram. A. M. Sinclair. Bha lan chinnt agam gu ’m faicinn e; ach bha mi air mo mhealladh gu mor. Bha iomad duine aig a choinneamh Leathanach a bha air a mhealladh sa cheart doigh. Bhiodh e na thoileachadh leinn sealladh fhaicinn de ’n duine a sgriobh urad de nithean luachmhor mu na Leathanaich, cinneadh a mhathar. Chunnaic mi iomad duine tlachdmhor aig a chruinneachadh Leathanach, ach cha ’n urrainn mi a radh gu’m faca mi neach ann bu chalma coltas na Eachann Mac-Gilleain. Is ann as a chearn agaibhse a bha e,—as na mor-roinnean’ iochdrach. Is ann an Eilean Ruim a rugadh e. Bha mac aig mo sheanair bu shine na Lachainn na Gaidhlig. Se Murchadh a b’ ainm da. Tha mic aig Murchadh an Cola ’s an Canada. Chaochail Iain brathair mo mhathar an Kansas bho chionn corr is bliadhna. Bha e ceithear fichead ’s a deich de dh-aois. Bha coignear de chuid mac aig a choinneamh Leathanach. Sheinn fear dhiu, Iain oran Gaidhlig dhuinn aig a chuirm mhoir a bh’ againn. Tha triuir do chloinn Lachainn brathair mo mhathar, no Lachainn na Gaidhlig, beo ann an Australia, Tormaid, agus dithisd nighean. Bha Sir Fitzroy a coimhead gu math aig Chicago. Bha e ’g amharc mar cheann cinnidh ’s mar thriath ’s gach oirleach dheth, agus gun teagamh bha e faireachdainn mar sin le coig piobairean a cluich air thoiseach, ach tha e na ghnothach bochd nach h-eil sgriob de dh-fhearann aig ann am Muile. Is mise, an la a chi ’s nach fhaic, do charaid dileas, Domhnull mac Dhomhnuill Thuairneir mhic Ailean Mhuilleir as a chaolas Thiristeach. Ach ’s fhearr dhomh m’ ainm a thoirt dhuit anns a Bheurla. Mur a tabhair tha eagal orm nach dig Mac-Talla. Is mise, mata, ann an cainnt nan Gall. D. T. MACDONALD. Calumet, Michigan. Ma tha airgiod agad feuch gu’m bi thu ’nad mhaighstir air agus nach bi e ’na mhaighstir ortsa. S bochd an sgeul a thainig a Eilean Phoil air an t-seachdain so, gu robh Robert Muirhead fear-gleidhidh an tigh-sholuis an deigh tighinn ri bheatha. B’e Caimbealach a tha ’n drasda ’deanamh a chomhnuidh am Baddeck a bha gleidheadh an taigh-sholuis o chionn faisg air fichead bliadhna, ach chaidh a chur as an dreuchd o chionn ghoirid, agus chaidh Muirhead a chur na ’aite, gle fhada ’n aghaidh toil Mhuirhead fhein. An latha ’n deigh do’n Chaimbealach an t-eilean fhagail chaidh e mach trath sa mhaduinn, an deigh an orduighean a thoirt do na seirbhisich, agus mu choig ceud slat o’n tigh chuir e crioch air fhein. Tha duine og da’ ainm Walter Hill ri bhi air a chrochadh ann a Winnipeg air an ath mhios air son tuathanach da’m b’ainm Graves a phuinnseanachadh. Bha Hill air tighinn a mach a Sasuinn o chionn bliadhna no dha agus bha e na sgalaig aig Graves. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. STOR MHOR UR! Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,— MIN US FLUR, TI US COFI, AMHLAN DE GACH SEORSA. SPIOSRIDH US LUIBHEAN, BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS. A h-uile seorsa Bhrogan, am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa. Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid. Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 169] [Vol. 2. No. 23. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 9, 1893. No. 23. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Domhnull us Iain ’s an da Choileach. Ann an cearn araidh de’n eilean so tha dithis thuathanach, Iain us Domhnull, a comhnuidh, agus bithidh iad daonnan a stri feuch co aig a tha na beathaichean a’s fhearr. Thachair do Dhomhnull gu robh coileach breagha aige agus bha deigh mhor aig air a bhith ga mholadh, agus bha e dhe’n bharail nach robh coileach ’sa choimhearsnachd a ghabhadh air. Bha Iain, aig an am cheudna a togail coileach og dha fhein agus bha chuis coltach, na’n leanadh e air fas, nach b’ fhada gus an gabhadh e air coileach Dhomhnuill. ’Se bh’ ann chuir na fir geall. Thuirt Domhnull, “Cuiridh mise geall punnd ti, Iain, gu’n gabh mo choileach air d’ fhear-sa.” “Cuiridh mise ’Dhomhnuill uiread eile ’n geall nach gabh,” ars Iain, “ach gu’n gahh mo choileach s’ air d’ fheas-sa.” Chaidh a chuis fhagail mar sin car tamuill agus bha Domhnull a gabhail eagail gu’n cailleadh e an geall; ach air dha bhi muigh leis fhein latha a cur sil ann an lagan beag eadar an da thigh, chunnaic e cearcan Iain air an raon faisg air, agus air smuain tighinn ’na cheann, ghairm e nall iad agus thilg e beagan sil da’n ionnsaidh agus ghrad ruith e dhachaidh a choilich aige fhein, agus chuir e ’n dithisd a shabaid. Ghabh coileach Iain air an fhear eile gu dona, agus cha mhor nach do chuir e na suilean as. Thug Domhnull leis dhachaidh a choileach agus chum e stigh e fad da sheachdain a cumail ris a h-uile biadh a b’ fhearr na cheile, agus ’nuair a bha e ’n duil gu robh e laidir gu leor, chuir e fios gu Iain tighinn air adhart le choileach ’s gu’m faiceadh iad co ’m fear a ’b fhearr. ’Nuair a thainig a latha suidhichte, chainh Domhnull gun fhios a dh’Iain agus chrath e fras mhath de phiobar dubh ann a iteana choilich aige fhein, agus air a cheud ionnsaidh a thug am fear eile anns na h-itean. bha e air a dhalladh leis a phiobar ’s cha robh sgaoinn ann gu sabaid tuilleadh, agus chaidh gabhail air gu dona le coileach Dhomhnuill, agus mar sin choisinn Domhnull an geall. I. K. Oidhche na Sabaid s’a chaidh bha soitheach da’m b’ ainm an Adventure air a bristeadh air a chladach aig Souris, P. E. I., agus bha seoladair agus boirionnach og a bha air bord air am mealachadh leis an fhuachd. Cha d’ fhuaras bata chur a dh’ ionnsaidh an t-soithich gu seachd uairean maduinn Di-luain. Bha ’m boirionnach marbh an uair sin agus dh’ eug an seoladair beagan uine ’n deigh a thoirt gu tir. Bha’n caiptean agus a phiuthar gle fhad air ais ach thig iad air adhart ri beagan uine. Bha’n stoirm gle dhoirbh aig Souris. B a sneachda ’s uisge ’sileadh agus bha na tonnan a sguabadh thairis air an t-soitheach cho garbh ’snach robh doigh aig am fheadhainn a bh’ air bord air fuireach air a chlar-uachdair gun iad fhein o cheangal. Dithis dhaoine na bu treine na Uilleam Wallace us Robert Brus cha robh riamh air an domhan, agus bi’dh an cuimhne nas cubhraidhe anns na linntean ri teachd na cuimhne Alasdair Mhoir us Napoleon. Bu Ghaidheal gu chul Uilleam Wallace agus bi a Ghailig e chainnt mhatharail. Ged bu Ghall Brus, labhradh e Gailig math gu leor, agus ’nuair a bha pharlamaid Albannach na suidhe ann an Ard-Chattan, liubhair e an oraid rioghail anns a chainnt sin. Co so a bha ’g radh nach bu chanain uasal a Ghailig? B’e ’n duine gun naire gun eolas e! Tha Comunn Gaidhealach ann am baile Antigonish o chionn aiream bhliadhnachan a tha ’g obair air son cuid de sheann chleachdaidhean nan Gaidheal a chumail suas. Bha choinneamh bhliadhnail aca air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a cur rompa cluichean Gaidhealach a bhi aca air an t-samhradh so tighinn agus tha bal ri bhi aca beagan an deigh na Bliadhn’ Uire. Tha fiosan as gach cearna dheth na Staitean ag innseadh gu bheil timeannan cruaidhe aca, obair gann agus moran ga h-iarraidh, agus biadh us amhlan cho daor ’s nach eil doigh aig daoine gun airgiod a bhi beo. Tha moran de mhuinntir an aite so a bh’air falbh ’san duthaich sin air tighinn dhachaidh. Tha ’n grippe a cur as do mhoran de mhuinntir Alaska, gu h-araidh dhe na h-Esquaimaux. Tha e na chleachdadh aig an t-sluagh sin na cuirp a losgadh. Tha ’n talamh cho cruaidh reota ’s nach gabh iad adhlacadh. [TD 170] [Vol. 2. No. 23. p. 2] An Sluagh Sithe. (Air a thoirt a Iris-leabhar na Gadhelge.) Co iad an sluagh sithe? ’Nar suidhe fa chomhair an teine anns a gheamheadh gharbh ghoimheil eisdidh sinn le deagh aire ris na sgeulachdan uamhasach, uamharach a tha air an innseadh mu’n timchioll agus tarruinnidh sinn nas giorra dha cheile ’nuair a chluinneas sinn tonnan na fairge a bristeadh air na sgeirean no oiseag gaoithe a sguabadh a nuas o na cnocaibh, tha ’n uiread sin a dh’ eagal oirnn rompa, no ruithidh crith fhuachd troimh ar feithean air eagal gum beirear oirnn ’n trath bhitheas sinn a dol dhachaidh chum ar taighe fein. Cha tearc na sgeulachdan a dh’ aithrisear orra, ach an deigh sin cha’n eil moran fiosrachaidh againn da’n taobh. Tha e air a radh gur h-ionnan an Sluagh Sithe agus Dream an Uabhair, no na h-aingil a bha air am fogradh a Flaitheas De air son an uamhair. Goirear mar an ceudna Na Daoine Matha dhiubh. Cha’n eil fhios cia am fath air an d’ thugadh Daoine Matha orra, oir tha cead aca math us olc a dheanamh, agus cha chuala mi riamh gu’n d’ rinn iad moran mathais do neach air bith ged is cinnteach gur mor meud an olcais. Mur a bitheadh suil a bhith aca dol gu flaitheanas cha ghabhadh cur sios air an olc a dheanadh iad. Tha iad air a mhuir cho math ’sa tha iad air tir, ach is lionmhoire iad air an fhairge na air an talamh thioram. Togaidh iad stoirm air uairibh leis am baithear moran dhaoine, agus air uairibh eile cuiridh iad ciuineas air a mhuir mhoir. Anns na h-oidhcheannan aluinne ri soillse na gealaich chi na h-iasgairean a bat aireachd iad. Iarraidh iad teine ma bhios e dhith orra agus bheir na h-iasgairean dhaibh e le ro-thoil, oir nan diultadh iad sin a dheanamh thigeadh iad suas riutha uair eigin, agus bhiodh bathadh no muchadh an dan dhaibh luath no mall. Ma dh’ eugas daoine oga—naoidhean boidheach, cailm chaomh, balachan briagha, mathair leanabanan mo athair teaghlaich, cha chreid na seann daoine gur bas caart ach atharrachadh beatha a fhuair iad, agus gu’m b’iad an sluagh sithe a thug leotha iad. Is eigin do na daoine matha ’n uair a bheir iad oidhearp air neach a ghoid leotha, duine beo a bhith ’nan cuideachd—fear no bean ach ’si bean a’s minice bhios aca. Tha mi ’g radh ’nuair a bheir iad oidhearp, oir fairtlichidh orra air uairibh gach duine is miann leo thoirt leo. Bithidh da bhuidheann diubh ann a cathachadh an agaidh a cheile, dream a bhios a deanamh an dichill an neach a ghoid, agus an dreom eile, cairdean do ’n neach a thatar a goid ag iarraidh gun a leigeadh leotha. Cuirear cath an sin eatorra. Theid iad fa chomhair a cheile. Buailear buille. Le sin toisichidh an cogadh cruaidh colgach. Crithidh an talamh fo’n cosan, agus bheir fuaim agus farum am buillean mac-talla as uaigneas na h oidhche. Ruithidh fuil na struthaibh air feadh machair an air. Fa dheoidh bidh an taobh a’s laige cho marbh, meaite, tursach claoidhte ’s gun toir iad suas an eu-dochas agus buannaichear an cath orra. Ann sin togaidh an dream a bheir buaidh ard iolach agus caithream, agus ma’s iad a mhiannuich an duine a ghoid theid iad far a bheil e, cuiridh iad am bior suain an cul a chinn agus bheir iad a mach e. Air dhaibh teachd as an tigh an deigh dhaibh an t-olc a dheanamh, bidh a’ bhean a’s daimheile dha a’ feitheamh a muigh agus guilidh si gu fada tursach agus cha’n fhaodar casg air bith a chur oirre. Air uairibh gheibh an duine ghoideadh bas an ceann beagan uine; air uairibh eile bidh e a’ seargadh ’sa dol as re uine mhor; latha gu math agus latha gu h-olc, latha gun ghearan gun chradh, agus latha eile ris a bhas. Tuitidh cuid aca as an seasamh, agus cuid eile a bhios air an caitheamh as mar choinneal a gabhail. Ach cha ’n ann san oidhche a mhain a nithear goid mar so: is minic a ni iad e air gach am dhe’n latha, gu h-araidh ma bhitheas duine an ait uaigneach. Tha tri trathan ann a tha mi-fhabharach dhaibh; tuiteam na h-oidhche, am gairm a choilich agus meadhon an latha. Nuair ghoidear duine cuirear duine eile na aite no rud eigin an cruth duine, oir theid aig na daoine matha air cruth duine a thoirt do ni air bith is ail leo; ach is minic gur a bad fraoich a roghnaicheas iad. Chaochail caileag aluinn uair, agus mar bu ghnath ’san am sin bha a mathair agus a muinntir gu leir ’g a caoineadh. Thuirt a bhean ghlic, no a bhean beo a bha’n cuideachd an t-sluaigh sithe gu robh na daoine matha ri gaire agus a fanaid air a chaileig air son e cairdean a bhith cho beag ceille ’s gu robh iad a’ gul agus a caoidh os cionn rud cho suarach ri luachair. Uair eile bha duine breagha og a dol tarsuinn air cnoc mu chomhradh na h-oidhche san fhoghar. Dh’ fhag e a thigh fhein gun ghearan, gun chradh, ach mun d’ ranig e ceann a thuruis, dh’ fhairich e mar gu’m biodh ualach trom air a chridhe; thainig e dhachaidh a ris air an oidche sin; laidh e air a leaba agus an ceann da latha bha e marbh. An la mu’n d’ eug e; ghearr a mhathair bad de fhalt agus phaisg i ann an criomaig phaipair e gus a chumail. An deigh dh’a mac a bhi air adhlacadh dh’ amhairc i air an fhalt, agus an ait e bhith cho dubh ri fitheach, bha e cho liath ri luch ged nach robh am fear leis ’m bu leis e thairis air fichead bliadhna dh’ aois. (Ri leantuinn) Tha Minard’s Liniment math do’n fhalt. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 171] [Vol. 2. No. 23. p. 3] NA GNATH-FHACAIL. LE IAIN. A’ chaor’ a theid do ’n chreig, cha ’n ’eil aice ach tighinn aisde mar a dh’ fhaodas i. An uair a chuireas duine e fhein ann an crois le ghoraiche fhein, cha ’n ’eil aige ach bhith ’feuchainn ri e fhein fhaotainn aisde mar is fhearr is urrainn e. Is tric a chuala sinn iomradh air ruaig na caorach do ’n dris. Tha cuid de dhaoine ro bhuailteach air tuiteam ann am fiachan, agus an uair a bhios iad gu ’n amhaich anns na fiachan, cha bhi a’ bheag de thruas aig neach sam bith riutha. Biodh iad a’ tighinn asda mar a dh’ fhaodas iad. A’ chlach nach tachair ri m’ chois cha chiurr i mi. Faodaidh iomadh cnap-starra tachairt ri duine eile nach tachair ruinne gu brath. Cha ’n ’eil e glic dhuinn a bhith gabhail eagail roimh nithean nach do thachair ’s nach tachair ruinn. Is iomadh neach a thuit ann am mi-mhisnich le bhith ’gabhail eagail gu ’n tigeadh mi-fhortan dhaoine eile ’na rathad fhein. A’ chuid nach gabh na leandbain gabhaidh an t-seana-bhean fhein. Rud sam bith a bhios milis, blasda, faodar a bhith cinnteach gu ’n ith neach eiginn e. Tha so fior gu leor a thaobh cuisean an t-saoghail so; ach tha iomadh ni math air an cur ann an tairgse dhaoine, nach gabh aon chuid og no sean. Is minic a chuir an t-og agus an sean cul ri comhairle na corach. A’ chuil a bhios fosgailte theid na coin innte. Tha ’n t-olc, mar is trice, ’na sheasamh aig na dorsan a’ feitheamh feuch c’ aite an leigear a steach e. Bu choir dhuinn ar ceart aire thabhairt nach fhag sinn rathad reidh aig droch dhaoine gu tighinn a steach do ’r n-ionnsuidh. Tha e moran ni ’s fhusa an droch chleachdadh a chumail a muigh na chur a mach an uair a thig e steach. A’ chuirm a’ s luaithe ’bhios ullamh, suidheamaid uile g’ a gabhail. An uair a chuirear ni math sam bith nar tairgse, is e ar gliocas an tairsge ghrad ghabhail, An obair ghabhadh deanamh an diugh, is docha uach gabh i deanamh idir am maireach. Is iomadh fear a chaill gu mor air a’ cheud tairse a dhiultadh. A’ chuiseag ruadh a dh’ fhasas ’san otraich, ’s i ’s airde a thogas a ceann. Tha e gu tric a’ tachairt gur iad na daoine a dh’ araicheadh far an robh pallteas de thruailleachd agus de neo-ghloine, a ’s proseile agus is mo asda fhein na daoine sam bith eile. Tha cuid de dhaoine gle shuarach a’ faotainn suas gu bhith ann an inbhe aird anns an t-saoghal, agus mar is trice tha iad so cho lan de ’n mheudmhoir ’s a tha ’n t-ugh de ’n bhiadh. A’ sgaoileadh nam boiteinean ’s a’ cruinneachadh nan sop. Tha ’n ghath-fhacal so a’ toirt cleachdaidh fa ’r comhair a tha anabarrach cumanta ann am measg dhaoine, a tha ’gam meas fhein gle ghlic, curamach a thaobh ghnothaichean an t-saoghail so. Ann an cuid de nithean nach ’eil a chum feuma dhaibh fhein no do neach sam bith eile, tha iad a’ deanamh ana-caitheamh air am maoin. Ach ann an iomadh ni eile tha iad air son greim a dheanamh air nithean nach dean a bheag a dh’ fheum dhaibh. Tha iad ro fhialaidh air an dara laimh, agus ro spiocach air an laimh eile. A’ cur a bhodaich as a thaigh fhein. Bha daoine bochda, lapach, a’ fulang foirneirt o ’n co-bhraithrean anns gach linn o thoiseach an t-saoghail. Ged nach ’eil foirneirt a’ togail a chinn cho ard ’san am so ’s a bha e aon uair, tha e soilleir dhuinn uile gu bheil e ri ’fhacinn ann an iomadh alte ’san t-saoghal. Cha bu choir a chuid fhein a thoirt o dhuine bochd sam bith. Ach ann an seadh spioradail, b’ fhearr gu ’m biodh an seann duine maille ri ’ann-tograidhean agus ana-miannan air a chur a mach as gach aon dhinn gun dail. A’ snaim nan sop. Obair gun fheum. Is iomadh fear is te anns an duthaich a tha ’caitheamh moran uine ri obair a tha cheart cho beag feuma ri bhith ’snaim nan sop. Naighechdan a Amhainn Dhennis. Tha an t-ait so car aonranach aig an am so. Tha moran d’an oigridh anns na Staitean agus tha sinn air ar fagail gun mhinisteir, ach tha mi an dochas gur fior mar thuirt am bard “nach d’thainig traigh gun mhuir lan ’na deigh,” Chaidh moran eisirein a thogail anns a loch so bho thainig am foghar ach a nis tha fuachd cho mor agus an t-side ro stoirmeil air son an iasgach. Tha am bata-toite “Merrimac” a Sidni-a-Tuath a thoirt leatha fiodh bho Iain A, Mac Amhlaidh air an t-seachdain so. Cha’n eil e na iongantas an duigh le muinntir an ait so a leithid fhaicinn ged bu mhor an clisgeadh a ghabh cuid bho chionn aireamh bhliadhnachan nuair thainig a cheud aon an rathad. Air dhi teachd am fradharc dh’ eubh neach sonruichte—“Thigibh a chuideachd ’s gu faic sibh a chuis uamhais,—coltas an droch-spioraid a burach a stigh a Lake u’s toit as a dhruuim!” X. Y. Z. Dec, 2ra, 93. Tha e air a radh gu bheil na mucan-mara anns a Chuan a Tuath air a bhliadhna so, aona chuid nas pailte no nas furasda ’n glacadh na bha iad o chionn fhada. Tha na soithichean a bha air an toir air an fhoghar so chaidh seachad an deigh airgiod mor a dheanamh orra. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND. & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 172] [Vol. 2. No. 23. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 9, 1893. Bha cas air beulaodh aon de na cuirtean Gaidhealach air a mhios s’a chaidh, agus thugadh breith a mach a bheir, ma sheasas i, cuisean gu bhi air atharrachadh doigh sa tha iad an diugh anns a chearna sin de dh’ Alba ’sa bheil cainnt nan laoch o shean air a labhairt. Bha croitear a mhuinntir Loch-Carrunn da’m b’ ainm Coinneach Gillios air a thoirt gu cuirt air son a bhi cur sios air fear de choimhearsnaich, Alasdair Mac-Coinnich. Bha e air fhagail air gu’n robh e labhairt gu h-olc mu ’n fhear eile, agus bha na briathran a labhair e air an cur sios anns an t-sumanadh. Air do’n fhear-lagha aige a bhi ceasnachadh aon de na fianuisean dh’ fheoraich e dheth an ann am Beurla no ’n Gailig a bha ’n seanachas. Fhreagair an fhianuis gu’m b’ ann ’sa Ghailig a bha h-uile facal o thoiseach gu deireadh. Ann sin thagair am fear-lagha ris a bhreitheamh gu robh a chuirt mi-laghail a chionn gu robh an sumanadh mi-laghail. Bha na briathran a labhair Gillios air an labhairt ann an Gailig ach na briathran a bha ’san t-sumandh ’sann a bha iad am Beurla, agus dhearbh e gu soilleir gu’m b’e ’n lagh agus an cleachdadh na leithid so de chas na briathran a bhi air an cur sios ’san t-sumanadh mar a bha iad air an labhairt. Dh’ aontaich am breitheamh gu robh ’n tagradh ceart agus laghail, agus sgaoil e a chuirt. Tha e nise gle shoilleir gu feum cuisean a bhi air an atharrachadh ann ’sna cuirtean Gaidhealach. Tha na daoine a tha ’sna caithrichean breathanais anns a Ghaidhealtachd an diugh, agus tha na fir-lagha a tha tagradh fa’n comhair cha mhor uile gun facal Gailig ’nan cinn. Feumar mar sin aona chuid an lagh so a sguabadh air falbh le achd parlamaid arneo feumaidh a h-uile breitheamh us fear-lagha a th’ anns a Ghaidhealtachd a bhi air an cur a dreuchd mur teid iad a dh’ obair gun dail ’s gun ionnsaich iad a Ghailig a labhairt a leubhadh ’sa sgriobhadh. Tha sinn an dochas gur e so a thig orra dheanamh. Tha e na ni gle neonach do luchd-riaghlaidh ducha sam bith a bhi cur breitheamhan a roinn ceartas sluaigh agus gun iad comasach air cainnt an air t-sluagh sin a thuigsinn. Ach se sin an dearbh ni a tha Breatuinn a deanamh ris na Gaidheil. Chaidh duine mhuinntir nan Staitean a null a dh’Alba air an t-samhradh s’a chaidh agus an deigh cuairt mios no dha a thoirt air feadh tir nam beann thainig e air ais cho mion eolach air an duthaich, air an t-sluagh, air an canain s’ air an cleachdaidhean ’s a bha e cho aineolach orra roimhe. Cha’n e mhain gu bheil fhios aige air gach ni da’n taobh air a bheil fhios aig na Gaidheil iad fhein ’s aig a chuid eile sin de’n chinne-daonna a tha eolach orra, ach tha fhios aig air moran de nithean air nach eil fhios aig duine beo ach e-fhein. Fhuair e mach air dhoigh eigin gu bheil a Ghailig a cumail nan Gaidheal air ais nan staid ’s nan crannchur, ’gan cumail nan sluagh borb fiadhaich do nach gabh a bheag sam bith de bheannachdan ’s do shochairean na naodhamh linn deug a chonh-pairteachadh, agus gu’n lean iad air a bhi mar sin fhad ’sa leanas iad air labhairt na Gailig. Cha’n eil a bheag sam bith de litreachas aca, cha’n eil cunntas air bard Gailig a bhi ann riamh ach aon fhear, Domhnull Mac-an-t-Saoir! Agus anns na h-Eaglaisean sam beil Gailig air a searnonachadh tha nithean anabarrach neonach a dol air adhart a h-uile latha Sabaid, ach le leithid de dhiomhaireachd ’s nach d’fhuaradh a mach riamh le muinntir eile na ceart nithean a th’ann. Tha ’e g innse mar an ceudna gu bheil muinntir Chataoibh ’s nan siorramachdam a tuath a labhairt, cha’n e Gailig, ach cainnt co-ionnan ri cainnt nan Suaineach, agus moran de nithean eile air nach urrainn dhuinn tighinn thairis an drasd, nithean ma tha iad fior a tha fior iongatach agus air nach cuala duine beo iomradh riamh ach e fhein. Fhuair e fiosrachadh mor air a thuirs agus chuir e litir mhor an aon de phaipearan Chicago ’ga chur fa chomhair a luchd-duthcha. ’Sann do dhuine tapaidh geur-thuigseach coltach ris fhein a thigeabh a dhol air cuairt, agus ’sann aige bhiodh luach a shaoithreach a tilleadh. Ach ’n uair a chluinneas e na tha na paipearan ag radh mu dheibhinn, ’sa thiugeas e gu bheil e na chuis-bhurt aig an t-saoghal, faodaidh gum bi e dhe’n bharail nach eil e ach mu’n fhicheadaibh cuid cho tapaidh ’sa bha e’n duil. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. H. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 173] [Vol. 2. No. 23. p. 5] Na Gaidhil a thainig gu Carolina a Deas. Mu dheireadh na seachdamh linn deug, chuir Mac-a Phearsain Bhaideinich cul ri Eaglais na Roimhe agus ghabh e ris a chreideamh Phrotstanach. Bha aig a cheart am agus uine mhath an deigh sin, coig teaglaich dheuga de Dhomhnullaich air a chuid fearainn a paigheadh mail dha. Lean iad-san ri creideamh an athraichean agus air an aobhar sin dh’ fhas iad fhein us Cloinn a Phearsain gu math searbh an aghaidh a cheile Thuair Cloinn-a-Phearsain eich leis na Domhnullaich air an cuid fearainn, agus chuir iad ann am punnd iad, agus dh’fhag iad aireamh dhaoine faisg air laimh gus na Domhnullaich a chumail air falbh. Ach thainig na Domhnullaich agus chuir iad an ratreud air a ghearasdan agus thug iad leotha ’n cuid each. Air son na cionta so ged bu bheag i, rinneadh greim orra agus chaidh am fogradh gu Carolina a Deas. Bha ceithir fichead ’sa seachd ann dhiubh eadar shean us og. Anns a bhliadhna 1746, chaidh dithis mhac Fhear-Bhothuintinn, Iain Og agus Domhnull Glas, fhogradh gu Carolina a Tuath air son lamh a bhi aca ann an ceannairc na bliadhna riomhe sin, ’nuair a thug Prionnsa Tearlach ionnsaidh air crun athraichean a chosnadh. Ach chaidh an long anns an robh iad a bhristeadh air cladach Carolina-a-Deas, agus air an aobhar sin dh’ fhuirich iad comhla ri cach. Thachair Eirionnach ormsa anns na Staitean ’sa bhlidhna 1851, a bha gle eolach ’sa chearna ’sa bheil sliochd nan Gaidheal ud a comhnuidh. Bha iad aig an am sin ann an aite air leth leotha fhein, agus a cheart uiread Gailig aca ’s bh’aig an athraichean ann am Baideanach. Cha robh ach beagan bhliadhnachan o’n sguir na fir a chosg na feilleachan-beaga. Tha eachdraidh mhionaideach air cas nan Domhnullach agus mar a dheilig an lagh riutha air a ghleidheadh am baile Inbhirnis, an Alba. AILAIN AN RIDGE. As an Eilean Mhor. A MHIC TALLA GHRADHAICH,—Bho’n a thoisich mi air MAC-TALLA fhaighinn, cha’n fhaca mi ach aon litir ann as an Eilean Mhor, is cha robh mi airson gum biodh e air ais ann a sgriobhadh thun a MHAC TALLA. Anns a cheud aite faodidh sinn a ghrath gum beil an t’side fas gle fhuar. Bha stoirm mhor shneachd againn air an 10mh latha do ’n mhios so chaidh. Ach bhiodh a mhuinntir aig am beil eich luatha coma ged a mhaireadh am fuachd gu toiseach an t-samhridh cho fad sa tha “feur gu leor” is coirce gu leoir san duthich. Chaidh moran do’n mhuinntir oga (gillean is nigheanan) do na Staitean san t-samhradh sa chaidh. Thill moran de na gillean ’s tha sinn an dochais gun tig nigheanan a duthich air choir eiginn airson na gillean so a chumail na’n aite fhein. Tha sinn gle thoilichte a bhi faotainn a MHAC TALLA s’ bidh fadachd oirnn gus a faigh sinn e a h’uile seachdain. Bha storaidh a chord ruinn gle mhath mo dheidhinn Paruig ’ic an Tuairneir, ’s b’fhearr leinn gun cuireadh tu tuille ann dhe ’n t’ seorsa iad, feach an cuireadh e saod air na Bachelors (a tha fas gle phailt san duthich so) te fhaighinn dhaibh fein, gus nach bi iad an eismeil gobha no laire glaise. Slan leat an drast dh’faodadh gun cluinneadh thu bhuainn fhathast. Buaidh is piseach le MAC TALLA. Bho do charaid, S. S. Litir a Boston. A MHIC-TALLA CHOIR,—Bha mi iomadh uair an duil beagan fhaclan a chur dha d’ ionnsuidh, ach bha ’n comhnuidh ni eigin a tighinn ’san rathad. Ach air dhomh dolar fhaotainn air do shon sgriobhaidh mi aig an am so litir bheag, gloirid. Thachair orm an la roimhe mo dheagh choimhearsnach, Gilleasboig Mac-Ille-Mhoire agus thug sinn treis a comhradh. Bha mi ag aithris dha cuid de naigheachdan a MHAC-TALLA, agus ars esan “Am beil thusa ’g radh gur-a paipear Gailig a th’ ann” “’Se,” arsa mise, “cha ’n eil facal eadar a dha cheann ach Gailig.” “Agus gu de tha e cosg ’sa bhliadhna?” “Tha e cosg coig tasdain,” arsa mise. “So agad e,” arsa Gilleasbuig,” agus e sineadh an airgid dhomh, “cuir fhein ’ga ionnsaidh e agus mo bheannachd-sa maille ris air son a dhilseachd do’n Ghailig.” Cha’n urrainn mi aig an am so moran naigheachd a thoirt dhuit. Faedaidh mi innse gu robh againn o chionn ghoirid cruinneachadh cho math ’sa chunnaic mi riamh am Boston. Tha obair gle ghann air a gheamhradh so, tha moran ’nan tamh gun char idir aca ri dheanamh. Tha duil agam fhein cuairt a thoirt an uine ghoirid dha’n airde ’n iar mar a their sinn. Tha duil agam an Nollaig ’s a Bhliadhn’ Ur a chur seachad air Cladach a Chuain Chiuin, agus ma dh’ fhaoidte gu’n cluinn sibh bhuam as a sin an uine ghoirid. TEARLACH. Tomhaiseachain. Freagairtean nan Tomhaiseachan a bha ’sa MHAC-TALLA air an t-seachdain s’a chaidh— (1) An t-earball. (2) An seillean. (3) Gath na greine. (4) Am beul. (5) Bior a chaidh ’sa’ chois. (6) Spain no glaine. (7) A dha. (8) A mhac fhein. Bhitheamaid toileach tuilleadh thomhaiseachan fhaotainn o neach sam bith aig am biel gin air chnimhne. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 174] [Vol. 2. No. 23. p. 6] Aingeal An Dochais. LE NIALL ROS. A’ ghrian gu glormhor anns an iar Chaidh sios air cul a’ chuain. An oidhch’ a falluinn ghruamach, chiar, Ghrad dh’ iath mu bheinn is cluain; Is dhealraich ann an uchd nan speur Gach reul a’s glaine tuar. ’S an uair sin fein bho shaothair theann Thug mi gu fann mo lamh. Air cluasaig leig mi sios mo cheann A chum gu’m faighinn tamh. A doimhneachd suaimhneis dh’ eirich suas Gu h-aoibhneach bruadar aigh! Ar leam gu ’n robh mi fein a’ falbh Air astar doirbh is mor; Bha ’n turus deuchainneach is searbh, Bha ’n t-ana moch air mo thoir; Is aite-fasgaidh cha robh ann, ’S mi claoidhte, fann gu leoir. Bha m’ imeachd lamh ri amhainn sheimh, Fodh sgaile sgeimh nan craobh. A nuas air osaig thlath nan neamh Sheol iomhaigh fhlathail chaomh. Gu m’ ioghnadh mor, bha aingeal dheas ’N a seasamh ri mo thaobh! ’Nauir ’phaisg i ’sgiathan riomhach glan Fodh ’duail air dhreach an oir, Dhealraich a gnuis ’bu shuairce gean. Shin i a slat a’ m’ choir Is dhuisg i solas ’n a mo chliabh, Le briathran binn a beoil. “Biodh agad misneach agus neart Ged tha do thurus searbh. Bu mhiann leam thu ’bhi siubhal ceart ’S an astar mhor gu dearbh; Oir thainig mi le baigh is treoir; Aingeal an Dochais m’ ainm. Tha mise ’ghnath a’ frithealadh Gach duile breoite, sgith, Bho chian air feadh nan ginealach, ’An cogadh no ’an sith. A’ m’ bheachd tha ’n deoraidh iriosal Co-ionann ris an righ. An uair ’bhios trioblaidean na cradh ’G ad sharuchadh gu cruaidh; No ’thuiteas t-inntinn sios gu lar A mhain air m’ ainm-sa luaidh— Is thig mi fein le tlachd is deoin ’G ad threorachadh gu buaidh.” ’Sin sgaoil i ’sgiathan glormhor geal, ’S gu ciatach sheol i uam. A h-iomhaigh eireachdail gun smal Chaidh as mo shealladh suas. An uair a dh’ fhag i beachd mo shul Ghrad dhuisg mi as mo shuain. A nis a leughadair mo dhain, Ma thig ort amhghair gheir, Gairm air an Aingil ud ’tha ’tamh Le fabhar dhuinn gu leir, A measg nan neul a’s dorch’ tha ’snamh Thar fasach g’eann nan deur. Bha sraidean Irusalem air an cumail glan le gach fear taighe a bhi sguabadh s a glanadh a dhoruis fhein. ’S ann air a cheart doigh sin a bhios paipear-naigheachd air a chumail suas, Ma ni gach duine tha ’ga ghabhail a dhleasanas fhein agus gu’m paigh ’se e o am gu am, gun a bhi cur dail ann uair sam bith, bidh gach ni gu math. Ach mur dean gach duine mar sin cha’n urrainn am paipear a bhi ach fad air ais. A charaide, cia mar a tha thusa deiligeadh ris a MHAC-TALLA? Chaidh mise leigheas de’n loimidh le MINARD’S LINIMENT. ANDREW KING. Halifax. Chaidh mise leigheas de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. LT.-COL. C. C. READ. Sussex. Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich le MINARD’S LINIMENT. C. S. BILLING. Markham, Ont. Chaidh soitheach Geancach da’m b’ainm J. S. Tappin a bhristeadh air sgeir eadar Glace Bay us Schooner Pond. Bha i air a turus gu Newfoundland a dh iarraidh luchd de sgadan reota. Tha i mise lan uisge ’s tha e ro choltach nach gabh feum san bith a dheanamh dhith. Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR Leighsidh Minard’s Liniment cnatan. [TD 175] [Vol. 2. No. 23. p. 7] Dan na H-Iuinndrain. S fad air chuairt mi o’n taobh-tuath S-ann uam tha aobhar m-iunndrain Maighstir Ruairidh ceann nam buadh Nuair reagh e suas na chubaid, Bhiodh a theagasg a cur snuadh Air anama buairte neo shunntach ’S iad o bhuaireadh ruith a ruaig Gu faigh iad buaidh o’n umhlachd. O’n thainig mise so air chuairt Gur truagh a tha mi g-iunndrain An teagag fallain bheireadh buaidh Air anama truagh gun churam, Dheanadh spioradail an gluasad Measg an t-shluaigh gun churam, Bheireadh aiteamh air an cruas Sa chuireadh ruaig air dulachd. ’S mis tha mothachadh a bhais O dh’ fhag mi tir mo dhuthchais, A measg nan Canaanach san aite ’S gun na braithrean dluth dhomh, Gun ghuth a cholumain ann ri chlaistinn Na idir failte an turtuir, Cha chluinn mi facal ann mu’n airc, Seann E i cha ’n eil dluth dhomh. Ach cliu gu siorruidh dha ’n Ti as airde Gu bheil iad fathasd san duthaich A fhuair an anail bheo is bhlath San airc aca fo’n gluinean Ga toirt na ’n uchd gu cathair grais Far am bi iad a ghnath ri urnuigh, A cur an athchuinge na lathair ’Si dol an aird tre ’n tuiseir. Far och! nan och! nach robh mi ’m thamh Measg pairt do luchd na h-urnuigh, Oir sann a gheibheadh ’m anam fas Ged theireadh cach nach ’b ’fhiu iad Bhiodh faile an anail leam ro bhlath ’Nuair thigeadh a mhain an driuchd orr’ Mar dhealt air Hermon ’s ’e o bhlath Bhiodh toradh grais as ur ac’. Cha ’n ann an dhiomhanas gun sta Tha adsan caitheamh an uine, Ach ann an cainnt air Fear-an-graidh Tha gach la dhoibh cubhra Sa gabhail iongatais bho lathair Nach d’ rinn gu brath a sgiursadh Mach as fhianuis gus an aite Bheil teine craidh nach muchair. Ach ’s athair Dia an Criosd lan baigh ’S gach al do chloinn a chumhnant Cha bhris e chocheangal riu gu brath Ged a tha iad cosnadh a dhiombaidh; Air Fear a dheas-laimh bidh a lamh Is adsan fanadh dluth ris Oir ’se a ghealladh nach fag ’Snach cuir le grain air chul iad Ach oh ’s’e m’ eagal ’s m-aobhar craidh Nach dh’ fhuair mi ait’ ’sa chumbnant Gu bheil mi fathasd air an aireamh Tha gun chail do churam, Ged theid iad sios gu Iordan bais Mar thuit ann Adhamh o thus Gun aithne air Criosd na air a shlainte ’S iad lan do chiont an diultaidh. Oh! nach cuir thu ’nuas an sabh A dh’ fhosgladh fathasd mo shuilean Chum aithne thoirt dhomh na thrath Air Criosd a tha air ungadh Mar Righ mar Shagart is mar Fhaidh, Thoir dhomh le gradh ris dunadh Gu’n seinnean fathasd air a chlarsaich Chroch mi ’n aird na buird i. Air geugan seilich chroch mi suas i Measg an shluaigh gun churam Dheanadh fanaid air a fuaim Ach thig i nuas ri uine ’Nuair gheibh mi ’n comunn treud an Uain Bidh nuair sin seinn as ur aic Gheibh na h-Anacaich an ruaig Bidh ’m fuaim aice mar sgiurs dhoibh. S mithich dhomh nis sgur dheth ’m chanran Agus fas nis sunntaich, Chi mi fathasd luchd mo ghraidh Ma thig an t-shlainte a ’m ionnsaidh Ruigidh mi iad ge be aite A bheil an tamh san duthaich, ’S truagh nach greasadh air an la Bhiodh caraid as gach cuil dhiu. Ni mi rithisd rann na dha A chur air Dan na h-iunndrainn: Dh’ aiseag thu dhomh tomhas slainte ’Nuair ’s e am bas bha ’m shuil ris; Thug thu tearuint as gach gabhadh mi ’S tha ciud a cnamh san uir dhiom, O nach iongatach dhomh t-fhabhar Ruin fathasd mise chaomhnadh. Nis o thug thu dhomh an t-slainte Thoir dhomh gras na h-umhlachd, Gras an ioraislichidh ’s na fein aicheadh Agus gras nas h-urniugh Gras a chreideamh bhi mar lamh dhomh Tarrunig a ghnath a’m ionnsaidh A stor na ’m beannochd a thu lan Gach al a chloinn a chumhnant. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathail cho math sa gheibh thu an aite sam bith us tha na prisean gle iosal. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 176] [Vol. 2. No. 23. p. 8] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. IV.—Air a Leantuinn. Dh’fhas an suilean codalach, agus bha iad dluth dha dorsaibh bais. Cha b’ urrain Tomas bhi fo theagamh, agus cha deanadh Peadar uaill. Cha b’ urrainn Marta frithealadh, agus cha b’ urrainn Mairi urnuidh a dheanamh; bha a Mathair mar an ceudna fo mhor dhoiligheas. Chum Criosduidh fein air a chlar uachdair, a greineachadh gu teann air a chrann mhor ach fadheoidh bha e air a cheannsachadh—cha b’ urrain da ach a mhain glaodh a mach “Teasairg a Thighearna, tha mi caillte.” Chomhdaich tuigh dhorachadas aghaidh na doimhne, dhealraich an oidche le tairneanach coltach ri iolach Mic Dhe. Chrub Criosduidh dh-ionnsuidh na cliathaich; bhruchd tonnan buaireasach seachad na ’n cnapan arda, geala, ’s cirein air am barr. Chriothnaich a soitheach agus bha diosgan a sailean mar gu ’m bitheadh iad a seoltadh as a cheile. Bha na maraichean—cuid dhiubh ceangailte ris a chrann, agus greim aca air ropan—fo eagal ro mhor agus dh-iobair iad iobairt do’n Tighearna. Gidheadh sheas Tuigse neo-ghluasadach aig a stiuir, agus an uine ghearr bha Criosduidh fein o anmhuinneachd air a dheanamh neart-mhor. Shaothraich an soitheach gu cruaidh ann an tulg-tuinn na fairge bha na crionn air an sniomh ach sheas iad direach mar crhaobhan daraich Lebanoin. Nuair thainig lasachadh air an stoirm chaidh Criosduidh fo chlar a dh-amharc anns a chairt-iuil. An so fhuair e Tomas le dha laimh tiomchioll a chinn, am feadh bha Peadar—a dh’feuch ri staidhir an t-seomar a dhireadh—a thilgeadh air a chaol-druim air an lar; dh-fhan a nigheanan tinn na’n leabuidh ach ciod an t-iognadh a ghabh e an leanamh. Rut fhaotinn slan agus sona “Nach eil eagal ort roimh an stoirm;” thubhairt e rithe. Dh amhairc i na aodann a gradh, “Rinn Dia na gaothan agus rinn Dia mise.” Ghabh Criosduidh ioghnadh airson a briathran, ach chuimhnich e gu bheil e scriobhta: “O Iehobhadh ar tighearn, cia oirdheirc t’ ainm air feadh na talmhainn uile? a shocraich do ghloir os ceann nan neamh. A beul naoidhean agus chiochran dh-orduich thu neart, air son do naimhde, chum gu coisgeadh tu an namhaid agus an dioghaltach. Tha e air innse dhuinn an nis gur-a Gaidheal agus Leathanach a tha na cheannard air na Moorich anns a chogadh ris na Spainntich, agus gu bheil na Leathanich mar sin dearbh-chinnteach gu’m bi a bhuaidh leis na Moorich. Tha aon de na paipearan Gaidhealach ag radh gu’m bu choir fios rabhaidh a chur dh’ ionnsaidh nan Spainnteach! A HOGAMAH.—Aig Milford Road, Hogamah, chaochail Caorsti, nighean Chalum Domhnullaich. Bha i o chionn fhada tinn leis a chuing ach bha i comasach air a bhi aig a h-obair gus o chionn ghoirid. Air a mhios sa chaidh dh’ fhailing a slainte gu mor is dh n fhas i na b laige cuid us cuid. Ri uchd sin bha i stolda striochde do thoil an fhreasdail gus ’m do chriochnaich i ann an sith air an naodhamh latha de ’n mhios so chaidh aig aois ochd bliahna deug ’ar fhichhead. Bu nighean i bha coimhneil teo-chridheach agus gle mheasail aig na h-uile da ’m b’ aithne e. D. M. Tha ’m bata smuid Marion a bha riuth eadar Sidni us Caolas Chanso fad an t-samhraidh an deigh gabhail mu thamh air son a gheamhraidh. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. Nollaig Chridheil! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son na Nollaige. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Sidni, Dec. 9mh, 1893. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 177] [Vol. 2. No. 24. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 16, 1893. No. 24. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha muinntir Hogamah an deigh eaglais ur a chur suas. Tha i ’na tigh boidheach agus tha iadsan a thog i ri ’m moladh air son cho sgiobalta ’sa bha iad ris an obair. Tha sinn a tuigsinn nach eil a bheag sam bith a dh’fhiachan orra. Bha ’n eaglais air a fosgladh air an treas latha dhe’n mhios so. Shearmonaich an t-Urr E. S. Bayne, a Mabou, am Beurla agus an t-Urr. Coinneach Mac Coinnich an Gailig. Bha ’n latha briagha, agus bha co-thional mor cruinn. Tha e coltach gu bheil an rathad iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove ri bhi air a chur air adhart air an t-samhradh ’sa tighinn. Cha’n eil a bheag ri bhi air a dheanamh re a gheamhraidh ach a choille a ghearradh ’sa ghlanadh air an rathad agus am fiodh ’sa chlach a tharruinn ’s gach ni a chur na aite fhein gus a bhi deiseil air choinneamh an t-samhraidh. ’Nuair a theid an rathad so a chriochnachadh ni e feum mor do’n duthaich troimh ’m bheil e dol. Tha muinntir a bhaile so ’s nan aiteachan mu’n cuairt fo iomguin a thaobh bata-guail a tha air a dhol air chall. Dh’ fhag am bata-smuid Douglas H. Thomas Glace Bay maduinn Di-mairt s’a chaidh air son a dhol gu Halifax a giulan leatha da bhata-guail. Chaidh gach ni gu ceart gus sn robh e faisg air maadhon oidhche ’nuair a bha iad mu choinneamh Gabarus. Thoisich an sin stoirm ghabhaidh air seideadh, agus thainig frasan sneachda leatha. Leis cho garbh ’sa bha ghaoth bhrist na ropan a bha ceangal nam bataichean guail ris a bhata smuid agus dh’fhalbh iad leis an stoirm. Dh’ fhuirich am bata-smuide faisg air laimh gu maduinn, agus an sin chaidh i air thoir chaich. Fhuaradh aon diubh, agus thugadh a stigh gu Louisburg i, ach tha ’n te eile gum sgeul oirre fhathast. Dh’ fhalbh soitheach a Sidni an ath latha feuch am faigheadh i sealladh oirre, ach an deigh dhi bhi air an toir fad da latha thill i gun a faicinn. Tha duine mhuinntir Shidni, Caiptean Florian, agus ceathar eile air bord a bhata. Tha iad an dochas nach d’eirich olc sam bith dhoibh ach gu bheil iad beo slan, agus gu’m faighear iad fhein ’san bata an ceann beagan uine. Tha ’n grippe gle dhona an Kingston, Ontario. Tha e air a mheas gu bheil mile duine tinn leis an droch euslaint sin, ’s gu bheil cuid a theaghlaichean anns nach eil duine gun a bhi air laidhe na leapa. Bha muinntir Eilean a Phrionnsa a taghadh bhall-parlamaid Dior-daoin ’sa’ chaidh. Cha chuala sinn ceart cia mar a chaidh an latha ach tha gach coltas gu’m bi ’n t-srian air a fagail anns na lamhan ’san robh i re nan tri bliadhna chaidh seachad. Bha ’n soitheach-smuid “Harlaw” aig Sidni Di-ciaduinn s’a chaidh air a turus o Newfoundland gu Halifax. Bha’n caiptean ag innse nach d’ fhairich e a leithid a stoirm air cladaichean Newfoundland o’n thoisich e air taghal ’san duthaich sin. Cha chual’ e gu’n d’ rinneadh call sam bith leis an stoirm. Tha’n caiptean ag innse mar an ceudna gu bheil moran shoithichean a feitheamh ri sgadan aig Bay of Islands agus nach eil a choltas air an sgadan gn bheil e tighinn. Mur dig e stigh mar a b’ athaist da bidh e na chall mor do na h-iasgairean. Tha ’n geamhradh air toiseachadh. Thainig reothadh agus frasan matha sneachda air an t-seachdain so, agus tha na sleigheachan nan siubhal air na roidean uaithe sin, agus cluinnear ceol binn nan clag a h-uile am dhe’n latha ’s dhe’n oidhche. Tha na h-aimhnichean is na lochan a toiseachadh air reothadh ’s a reir coltais cha bhi fada gus am feum gach bata agus soitheach gabhail mu thamh. Tha iad-san a bhios a gabhail as laimh fiosachd a dheamah mu’n t-side a cur an ceill dhuinn gu bheil geamhradh cruaidh, reota romhainn, agus bu choir dhuinn a bhi deiseil air a cheinneamh. ’S iongatach cho saor ’sa tha biadh dhaoine air fas seach mar a bha e aireamh bhliadhnachan roimhe so. Cha’n eil an uine gle fhada o’n bhiodh tuathanach an duil gu robh e faighinn cunnradh math ’nuair a gheobhadh e barailte fluir air leth-cheud mo tri-fichead punnd ime, ach air an fhoghar so dh’ fhalbh, ged nach robh pris an ime gle ard’ gheobhte barailte fluir air son cho beag ri coig puinnd fhichead ime, agus bha nithean eile a reir sin. Bha tuathanach an Siorramachd Ghuysboro, o chionn ghoirid a reic muc a mharbh e mu’n robh i gann da bhliadhna dh’aois; chaidh e dh’ ionnsuidh a cheannaiche b’fhaisge air agus fhuair e deich barailtean fluir air a son—aran bliadhna air son aona mhuc. [TD 178] [Vol. 2. No. 24. p. 2] AMANNA FUILTEACH O SHEAN ANN AN GAEDHEALTACHD NA H-ALBA. (Sgriobhadh an eachdraidh a leanas leis an Urr Alasdair McGriogair nach mairean agus air an d’ rinneadh iomradh anns a MHAC-TALLA o chionn ghoirid.) Is lionmhor cath fuilteach agus creach dheistinneach, air am feudadh cunntas a bhi air a thabhairt, a thachair anns na linntean a dh’fhalbh, eadar na fineachan Gaidhealach. Cha robh ’Ghaidhealtachd anns na h-amannan sin, air a dionadh le laghannaibh cruaidh’ agus cothromach mar a ta i’ an diugh; agus bha ’bhuil air a’ ghnothach oir bha gach ni anns na linntean buaireasach sin ’an crochadh ri faobhar a’ chlaidheimh; agus b’ iad na fineacha bu chliuitiche, iasdan a bu diorrasaiche chum gach creach, agus sgrios a chur air an aghaidh. Tha ’n fhirinn gu’n robh cuisean mar sin, air a deanamh soilleir leis an iomradh a ta againn ann an eachdraidh air gach aimhreit agus tagluinn a bha eadar na cinn-fheadhna Ghaidhealach o shean, ach is iomadh, gniomh cruadalach a rinneadh air am bheil eachdraidh na rioghachd gu tur ’na tosd, agus air am bheil iomradh againn a mhain trid beul-aithris. Bha na gnothaichean cruaidh an uair a bha beatha agus bas ann an lamhan nan ceannfeadhna, agus an uair a dh’ aindeoin gach fuil a chaidh a dhortadh, nach b’ urrainn lagh na rioghachd an toirt fo smachd. Co-dhaingnichidh, an sgeul a leanas an fhirinn so, agus is iomad sgeul eile a dh’ fheudadh a bhi air aithris cosmhuil rithe— Goirid o cheithir cheud bliadhna roimhe so, rugadh oighre air Gart, g’an d’ thugadh cioch le te de chloinn Diarmaid, aig an robh dithis mhac. Bha aon diubh ’na chomh-dhalta do oighre Ghart, agus am fear eile ni bu shine na sin. Dh’ fhas an t-oighre suas ’na oganach, sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a chomh-dhalta a bheag sam bith air deireadh air a thaobh misnich agus tabhachd. Aig an am sin bha an earrann ’bu mho de Ghleann-Liobhainn le cloinn-Iabhair, cinneadh dalma agus cruadalach a chaill coir air an oighreachd, goirid ’an deigh do’n sgeul a leanas tachairt. Dh’eirich aimhreit’ eadar am mac a b’oige ’bh’ aig ban-altrum oighre Ghart agus aon do chloinn-Iabhair, “Mar is beo mise, a Mhic Iabhair, bheir oighre Ghart ort, gu’n diol thu air son so fathasd.” Dhealaich na fir; agus cha do chaill an t-oganach agus a bhrathair uine air bith gus an do thog iad orra gu dol gu Caisteal Ghart, a chur an ceill do’n uachdaran mar a thachair. Chuala clann-Iabhair gu’n do ghabh na h-oganaich air an t-slighe gu Gart, agus chuir iad an ruaig orra. Thainig iad air an da bhrathair gun fhios doibh ach air dhoibhsan an cunnart fein fhaicinn, ghrad leum iad a stigh do linne dhomhain ann an Liobhainn, ’s an dochas nach leanadh clann-Iabhair leis an eagal iad. Ach ged nach deachaidh clann-Iabhair a stigh do’n amhainn gidheadh, thilg fear dhiubh saighead air na h-oganaich a bha ’s an linne—leonadh comh-dhalta Ghart gu searbh—thuit e sios do ghrunnd na linne, agus bhathadh e. B’e Domhnull Mac Dhiarmaid a b’ ainm dha, agus goirear “Linne-Dhomhuill” ris an aite gu ruig an la an diugh. Fhuair an t-oganach eile comas teichidh, agus rainig e Gart. Dh’innis e do’n tighearna og mar a thachair, agus air dha a bhi lan corruich air son mar a bhuin clann-Iabhair ri chomh-dhalta, chuir e roimhe air ball aichmheil a thoirt a mach, agus a bhas a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a dhaone, agus rainig e Gleann-Liobhainn. Air do na seoid coinneachadh chuir iad failt’ air aon a cheile, agus labhair iad dh’ fheuchninn an rachadh cuisean a shocrachadh gun bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart, air an robh taobh dearg agus thubhairt e r’a chuid daoine, iad a bhi deas gu bualadh air an naimhdean, gun mhoille, gun bhaigh, na’n cuireadh esan taobh dearg a’ bhreacain a mach! Is gann a thug e an aithne so seachd, an uair a rinn Mac Iabhair fead, agus ghrad leum moran dhaoine fo’n lan armachd, a mach a tom coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille ri’n ceann cinnidh, agus ris na fir a bha comhladh ris a’ labhairt ri fear Ghart. “Co iad sin? (ghlaodh fear Ghart) agus ciod an gnothach an so?” “’S iad sin (arsa Mac Iabhair) treud de na h-earbaichean agam-sa, a ta leumnaich air feadh nan tom agus nan creag.” “Direach ceart (ars’ an to-oigear eile) ma’s ann mar sin a tha chuis tha’n n t-am agamsa bhi ’gairm mo mhiolchon.” Ghrad thionndaidh e an taobh dearg de’n bhreacan a mach, agus ann am priobadh na sula, bha na fir’ am badaibh a’ cheile! Car uine bha ’n tuasaid teith, agus garg: agus bha closaichean gun deo ’nan luidhe gu tiugh air an raon! Mu dheireadh theich a’ chuid a bha lathair de chloinn Iabhar. Thug iad na beanntan orra agus a mach o’n la sin, chaill iad am fearann. Tha e air innseadh nach bu mhor a chaill Gart d’a dhaoine anns an tuasaid sin, ach gu’n do thuit corr ’us sea fichead de na Liobhannaich. Mu’n do thoisich na laoich ri cheile, thilg fir thighearna. Ghart dhiubh an cuarain a chum gu’n ruitheadh iad ni bu luaithe air toir an naimhdean, agus theirear “Leac nan cuaran” fathasd ris an aite ’s an d’ rinn iad sin. Tha mar an ceudna “Ruisgeach,” “Lagan a’ chatha,” agus “Camus nan carn,” mar ainmean fathasd air na h-aithibh sin, far an do ruisg iad an claidhean—an do chuir iad an cath, agus an d’ adhlaic iad na daoine a thuit? Tha n’ amhainn fein ’na cuimhneachan air an la gharg sin, oir roimh an am sin b’ e “Duibh” a b’ ainm do’n ghleann. Ach an uair a phill fear Ghart agus a chuideachd o’n ruaig, “liobh,” no ghlan iad an claidhean fuilteach anns an amhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin ghlaodh an ceann-cinuidh gaisgeal a mach, ag radh, “cha ghoirear ‘Duibh’ mar ainm air an uisge so tuilleadh, oir Bho latha liobhaidh nan arm, Bithidh ‘Liobhainn’ mar ainm air ’Duibh.’” Tha aobhar mor taingealachd againne Dhasan a ta ’riaghladh nan uile nithe le ’chaomh-fhreasdal fein, gu m bheil sinn air ar dionadh le laghanna cothromach ar du’cha, agus nach ruig sinn a leas eagal a bhi oirnn roimh luchd-millidh agus sgrios, mar anns na h-amanna o chein. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air an laimh daonnan. [TD 179] [Vol. 2. No. 24. p. 3] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUNN, M. A., D. D. CAIB IV.—Air a Leantuinn. Chaidh e suas air bord. Bha an stoirm fathasd gun lasachadh. Bha na tuinn na meallaibh a siuthal as deigh an t-soithich mar bhuidheann do mhadaidh-allaidh acrach. Chuir e chomhairle ri Tuigse, agus thainig iad dhionnsuidh a cho-dhunadh mar cuireadh iad an soitheach mu’r cuairt le h-aghaidh ris a ghaoth nach b’urrainn doibh bhi air an tearnadh. Ghairm Criosduidh Eudmhor da ionnsuidh, agus dh’ iarr e air na seoladairean bhi ullamh aig sanus araidh: uime sin nuair bha “Sgeul a mhor Aoibhneis” air mullach an ath thuinn, thug Tuigse ma’n cuairt i gu h-obann le h-aghaidh ris a stoirm. An sin chunnaic Criosduidh meall neoil ann a’n cruth cosmhull ri duine o’n tainig guth Immanuel ag radh, “C’arson a ta sibh eagalach sibhse air bheag creidimh?” Chuala na maraichean an guth, ach cha’n fhac iad duine. Bheachdaich air cuispear aig an robh a ghnuis thar coimeas maiseach, agus chual e E gradh ris na gaothan agus na tuinn, “Tosd bi samhach. Bha samhchair mhor ann air ball. Dh’ fhiosraich an ur-mhaduinn o’n ionad as airde iad. An sin thubhairt Criosduidh, “A Thighearna Dhe, nan slogh co a ta cosmhuil riut? treun a ta thu, a Thighearn agus tha t-fhirinn mu’n cuairt duit. Riaghlaidh tusa onfha na fairge. ’Nuair a dh’eireas a tonnan coisgidh tu iad. An sin bha na maraichean subhach do bhrigh gu robh fhios aca, agus thog iad suas a’n guth a moladh Dhe agus ag radh. Thog na tuilte suas a Thighearna, thog na tuilte suas an guth, togaidh na tuilte suas an tonna os ceann toirm uisgeacha lionmhor; os ceann thonn neartmhor na mara, is neartmhor anns na h-ardaibh an Tighearna. Dhealraich, mar an ceudna, a Ghrian a mach. Ghabh Criosuidh an cursa mara agus thuig e gu’n d-rainig iad an rathad direach dh-ionnsuidh an t-saoghail nuadh: Mar so faodaidh na stoirmean a tha gar greasad ’s gar seideadh o Fhein Earbsa bhi doilghiosach, gidheadh ar Cairdean as ferr. Chaidh mise leigheas de’n loimidh le MINARD’S LINIMENT. ANDREW KING. Halifax. Chaidh mise leigheas de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. LT.-COL. C. C. READ. Sussex. Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich le MINARD’S LINIMENT. C. S. BILLING. Markham, Ont. Naigheachdan a Toronto. Aig coinneamh comuinn Gaidhlig Toronto air oidhche Dimairt de’n t-seachduinn so bha nithean air an cur air doigh airson ceilidh bhliadhnail a chomuinn, a bhitheas air a cumail mu thoiseach na bliadhna—air oidhche na seann challuine, no air oidhche freagarrach eile mu’n am sin. Cha ’n ’eil teagamh nach bi oidhche shubhach, thaitneach, aig na Gaidheil aig a cheilidh so, agus ’s e durachd a chomuinn gu’m bi na h-uile neach a’s urrainn tighinn am mach, a lathair. Bithidh cuimhneachan air na seann laithean air am beothachadh agus gheibh a mhuinntir oga, nach robh riamh ’s a Ghaidhealtachd, ’s nach fhaca fior ceilidh a’n tir an fhraoich, blas de’n phiob-mhor, ’s de’n Ghaidhlig a reir na seana ghne. Tha fiughair ri car no dha de’n dannsa mar an ceudna. Tha na h-uile coltas gu’m bi cruinneachadh chridheal, chaidreach ann, le beagan mire ’us feala-dha; us moran do fhoir-thoilinntnn. The fior seann charaid, Gaidheal fiughail, a chaith neart a laithean a searmonachadh an t-soisgeul d’a luchdduthcha ann an caochladh chearn do Ontario, air chuairt ann an Toronto an drasda,—an Urramach Mr. Gordon, a bha na mhinisteir ann an Gleanna-Garadh ’s ann a Harrington. Ged a tha ’n aois a laidhe air, ’s a dhruim a lubadh, tha e sgoinneil mar bu dual, agus tha e coltach gu’n liubhar e searman Gaidhlig ’s a bhaile a’n uine ghoirid. Tha e ’na dheagh shearmonaich, agus ’n a dheagh breitheamh air ceol na Gaidhealtachd. Bha ministeir ’s an Taobh Tuath air uair, a bha math ’s a chubaid, ach aig nach robh cluas no meoir airson inneil ciuil. Rinn e oran do ’n ribhinn a bha cumail a cridhe duinte air a ghaol, anns an dubhairt e: Ged nach dean mi fidhleireachd Gu’n dean mi sgriobhadh ’s leughadh; ’Sna ’m b’aill leat dheannainn searmau dhiut Nach talaicheadh neach fo’n ghrein air’. Ach tha araon an ceol ’s an deas-chainnt aig a Ghordanach urramach. North American Scotsman. Dh’eug Mr. Boyd, Rioghladair New Brunswick oidhche na Sabaid s’a chaidh. Bha e ann ’san eaglais feasgar agus bha a na shlainte cho math ’sa b’ abhaist dha. Beagan an deigh neadhon oidhche bha e tri fichead bliadhna sa seachd a dh’ aois, agus cha robh e ’san dreuchd ach beagan us da mhios. Dh’ fhag e bantrach, ach cha robh duine cloinne aige. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal. Leighsidh Minard’s Liniment cnatan. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 180] [Vol. 2. No. 24. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 16, 1893. Cha mhor an aireamh Ghaidheal a tha ’n Canada aig nach eil a bheag no mhor de dh’eolas air Dain Iain Ic ’Ille-Mhoire, no mar theirear ris am bitheantas, “Gobha na h-Earadh.” Bha aireamh dhe na laoidhean aige air an clo-bhualadh an Toronto anns a bhliadhna 1861, agus aireamh eile am Baddeck ’sa bhliadhna 1885, da leabhran a tha nis air an craobh-sgaoileadh gu math am measg luchd na Gailig anns an duthaich so. Bha mar an ceudna cuid dhe na laoidhean aige air an clo-bhualadh uair us uair am baile Ghlascho. Ach gus a so cha robh na dain air an cur an clo gu h-iomlan ann an aon leabhar. Dh’ fhagadh an t-saothair sin a dh’fheitheamh air Deorsa Henderson, M. A., foghlumaiche tapaidh a ghabh os laimh na dain a chruinneachadh as gach aite ’san robh iad ri’m faotainn agus an toirt do luchd na Gailig air feadh an t-saoghail uile, mar chuimhneachan priseil air duine a bha na latha fhein na dhuine choisinn meas agus urram o a luchd-duthcha, agus mar bhardachd a’s fhiach a cumail air choimhne fhad ’sa bhios Gaidheil anns a labhras Gailig. Tha cheud phairt bho’n leabhar so a nise mach. Tha dluth air ceithir cheud taobh-duilleig ann, tri ceud ’sa coig deug dhiubh sin fodh na laoidhean agus a cheud eile fodh eachdraidh beatha a bhaird. A reir ar barail fhein dh’ fhaodadh an eachdraidh sin a bhi air a cur sios anns a Ghailig a chainnt ’sa bheil na dain air an sgriobhadh, agus air an eolaiche iad-san dha’m bitheadh iad feumail. Tha e fior thlachdmhor do na Gaidheil a bhi leubhadh Dain Iain Ghobha agus cha’n eil teagamh sam bith nach biodh e cheart cho tlachdmhor leotha eachdraidh beatha Iain Ghobha a leubhadh ’nan cainnt fhein. An aite sin ’sann a tha i ann am Beurla, cainnt air a bheil moran dhiubhsan aig am measaile bhios an leabhar, cha mhor gu tur aineolach. Ach chan e Mr. Henderson leis fhein a chaidh as an rathad ’san doigh sin. Tha e ’na chleachdadh aig muinntir a bhios a cur a mach leabhraichean Gailig a bhi ’cur an Roimh Radh ann an Beurla, ach mar a’s luaithe leigear an cleachadh sin seachad ’s ann a’s fhearr. Duine sam bith a tha comasach air leabhar Gailig a leubhadh, bu choltach gu’m biodh e comasach air an roimh-radh a leubhadh ’sa chainnt sin cuideachd. A thuilleadh air a bhi toirt dhuinn nan dan tha ’n leabhar so luachmhor a thaobh an t-soluis a tha e cur air cleachdaidhean ’s air cor an t-sluaigh anns na h-Earradh toiseach na naodhamh linn deug, agus tha sinn an dochas gu nochd na Gaidheil an taingealachd de Mhr. Henderson air son a shaothair le bhi ceannach an leabhair. Tha e na dheagh uidheam, le clo glan, soilleir agus comhdach gle mhath. Tha anns an toiseach, dealbh Tur Chliamain, faisg air ’n do chuir Iain Gobha seachad a chuid mhor de bheatha. The duil aig Mr. Henderson a chuid eile dhe na dain so a chur am mach cho luath ’sa bhios na chomas. Gheibhear an leabhar o Archibald Sinclair, 10 Bothwell street, Glasgow, Scotland; a phris 6s 8d. Chaidh ionnsaidh a thoirt air cur as do cheann suidhe na Frainge an la roimhe ’s e ann an tigh na parlamaid, a toirt aire do gnnothaichean na duthcha. Thilg fear a bha na shuidhe air an lobhta bomb air agus nam biodh e air a ruigheachd, mharbh e cha’n a mhain an cean-suidhe ach a chuid bu mho dhe na bha stigh. Mar a thachair, sgealb am bomb as a cheile mu’n d’ rainig e, agus cha d’ rinneadh cron mor sam bith leis. Chaidh an duine ghlacadh agus dh’aidich e a chionta. Cha’n eil teagamh nach faigh eson a dheanamh ris mar a dh’fheuch e fhein ri dheanamh ri muinntir eile. Tha Nollaig us Bliadhn’ Ur a dluthachadh oirnn agus tha sinn uile ’n dochas a bhi cridheil sona ’nuair a thig iad. Tha suil againn ri aireamh mhor dhe na tha gabhail a Mhac-Talla a’ chur airgid thug i n eadar so us deireadh na bliadhna, agus tha suil ogainn ri aireamh mhor a ghabhail as air. Ma ni ar cairdean an dichioll gu ar cuideachadh agus ma chuireas gach aon roimhe nach bi sgilinn ruadh a dh’ fhiachan aig a Mhac-Talla ri thilgeil air la na Bliadhn’ Uire, theid gu math leinn agus theid againn air ’a bhi na’s deagh-dhurachdaiche ’nuair a ghuidheas sinn Nollaig chirdheil agus Bliadhn’ mhath Ur dhaibh. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. H. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, 17mh. An WORCESTER, 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7 p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 181] [Vol. 2. No. 24. p. 5] Comhradh nan Cnoc. LE TORMOID MAC LEOID. (Air a Leantuinn). MAIRI.—On’ a tha thu ’tighinn air na Sean fhocail, an cual’ thu riamh, “Gur sona gach cuid an comaidh, ’s mairg a [?] loinnears ’n a onrachd?” BROC—S mi ’chuala; ach an cuala sibhse, ’Mhairi, “Gur trom dithis air an aon mheis ’s gun ac’ ach an t-aon ghleus:” agus aon fhocal beag eile agus is fior e, “Cha robh miann dithis riamh air an aon mheis.” Ciod a tha ’toirt oirbh-se ’tha posda ’bhi cho tigheach air buarach a’ phosaidh a chur air daoin eile? MAIRI—Ciod ach cairdeas, agus deadh un; ach tog de d’ chanran—b’ fhearr leam geul fhaotainn uair. BROC—Dean suidhe ’n sin air do chliabhan beag agus gheibh thu sin. Bha sud ann roimhe so sionnach gleusda, agus chaid e ’mach oidhche de na h-oidhchean a ruagadh nan uan mar a b’ abhaist da, agus mar bha mishealbh ’an dan da, caillear ’earball dosach, ruadh ann an rib’ a shuidhicheadh chum a ghlacadh. Cha robh comas air. La no dha ’an deigh sin choinnich na sionnaich eile e. Ciod an tubaist a de’eirich dhuit, a deir iad, c’ait’ am bheil d’ earball? Tubaist! ars’ esan—an t-earball granda, sgud mi dhiom d’ am dheoin e—ciod am maith a bh’ ann? Gabhaibh mo chomhairle-sa agus deanaibh an ni ceudna, ’s ann gu mor a’s fearr a dh’ amhairceas sibh, agus bithidh sibh cho sgiobalta, uallach seach mar tha sibh. Am bheil thu ’g am thuigsinn? MAIRI.—Bi ’bruidhinn—theid mis’ a thogail a’ bhuntata; ach ge don’ thu, na falbh gus an till mi. PIOB.—Chuir thu ’n teicheadh air Mairi, ach o’n a thuit duin tighinn thairis air a’ leithid so de chainnt, chuala mi gu-n robh suil agad ris a’ chaile Ghallda tha ’s an tigh-mhor. Mhothaich mi, ar leam, cuicheanachd eadar ruibh an la roimhe. Cha d’ innis mi do Mhairi e, no chluinneadh tus’ e ’n diugh air a’ chluais bu bhuidhre. BROC.—An i so an te a tha iad a’ samhlachadh rium an tra so? B’ fhad’ o cheile crodh laoigh ar da shean-athar. Tha ’chaile choir maith gu leoir, ach na-n rachainn a dh’iarraidh mnatha cha b’ ann g’a duthaich-se:— ’S miann le triubhas a bhi ’measg aodaich, ’S is miann leam fhein a bhi ’measg mo dhaoine. PIOB.—Tha mi ’g ad thuigsinn. Tha car eile ’n adharc an daimh. BROC.—Car ann no as, cha tusa mo shagart, ’s cha dean mi m’ fhaoisid riut; ach da rireadh, ’s e posadh a’s lugha ’th’ air m’ aire. Tha amadain gu leoir ann ged dh’fhuirinn sa air m’ais. Nach ’eil posaidhean gorach ’an deigh bochdainn a thoirt air Gaidhealtachd na h-Alba? A h-uile proitseach bhalaich a shaoileas gu-m bheil e ann an gaol air guanaig air am fas e eolach air feill no banais, cha-n fhoghainn leo ach posadh, gun ait’ an toir iad an cinn. Cordadh aca, ma’s fhior, ’s gun uiread na circe no choilich aca’ gun tighinn air crodh no caoraich. Cuirear a bhanais ’an sin air bonn. Co ach iadsan! riomhadh as gach buth, ach ma’s e fiach a’ bhuideil e (’s e b’aill leam a radh am pige beag ruadh, oir chaidh am buideal coir a fasan) cha n’eil asa na gheibh e, ach an dail, gun chuimhne gu-n tig dail gu dorus. Coma co dhiubh thanig la na bainnse. Hug air an dannsadh! hug air an ol? hug air na h-orain. Co ach iadsan! Straiceag ’s a sron ri h-athar, le gun sioda ’s le ribeinean riomhach. Esan, am burraidh! a breabadh nan cas, ’s a’ cur nan car dheth. Lamhainnean geala, ’an ainm an aigh, air a chrogan granda! Fuiribh thall, ’s e fhein an gille? Hug so fheara, ars’ esan, suas e! Ach coma leat, thig an spaglainn so gu lar. “’Nuair thig am bothan le chraos cam. Am mal, a’ chlann, ’s a’ cheannachd orr’.” C’ait, an sin am bi iad? Guanag mo ghaoil ’n a luid bhochd, gun sgrid, gun sgairt— “Sin mar bhitheas luchd na straic, Le curraichdean ard ’s le calico, Ni’m posadh bochd an toirt gu ’lar, Mar shneachda ban na gaillinne.” Cha-n ’eil comas air, am fear nach amhairc roimhe, amhaircidh e ’n a dheigh. ’S eigin a nis am bothan a thogail air cnoc an acrais, no am baile mor a thoirt orra far nach duraichd mi an leantuinn. Nach gasd’, ’Fhionnlaidh, an ni am posadh? C’ait am faigh thu dhomhsa bean fhasanta? to aig am bi Beurla, ban-dannsair sgiolta, co dhiubh ’ni, no nach dean i sniomh no calanas. Mur bi sgillin ruadh aice ’s ann is fasant’ i. Ma tha an tochar a tha ’falbh aice foghnaidh e dhomhsa, ’s e sin an gun sioda ’s an ad chonnlaich, ’san t-Shawl riomhach, ’s an Umbrella bhoidheach, na brogan aodaich agus cliabh beag nan cnamh, a theannaicheas an cneas cho dluth ’s nach urrainn iad bar-iall am brog a dhunadh, no bonn oir a thogail o’n lar ged gheibheadh iad e air son an saoithreach. Sin agad, ’Fhionnlaidh, a’ chaileag fhasanta, faigh dhomhsa te dhiubh sin, agus ni mise banais ghleadhrach’ aighearach, a chumas am feadan a ’d’ phluic fad seachduin! PIOB.—Ma ta ged is ann ri feala-dha ’tha thu, tha moran de’n fhirinn agad. BROC—Smior na firinn. Tha mis’ ag radh riut, gu-m bu choir reachd rioghachd a dheanamh ’an aghaidh nam posaidhean aimaideach. ’N e mis’, ’Fhionnlaidh, a rachadh a phosadh, agus mo mhathair bhochd, dhall agam r’a cumail suas? Cha chuir mis’ an comas te eile a rach rithe. Tha thu’n rathad na cloinne, no’n solus nan eun. PIOB.—Mo bheannachd oirre, ged nach ann domhsa bu choir a radh, nach dubhairt riamh ris an te nach maireann, gu m b’olc. BROC—Tha mi ’g ad lan chreidsinn, ach cha-n eil Mairi agad sa r’a faotainn air taobh gach cnoic. Gur ro bhitheant’ a chi mi an t-atharrachadh a’ tachairt; agus is ’fad o’n a chuala mi. “Is maith a’ mhathair-cheile am foid” agus ruigeadh e mo chridhe aon bhean a rugadh riamh a bhi ’labhairt gu sgaiteach ri m’ mhathair bhochd. Tha mnathan maith’ ann, mar an ceudna, agus mar thubhairt an sean-fhocal, Is diu teine fearn ur, Is diu duine mi-run, Is diu dibhe fion sean, Ach ’s e diu an domhain droch bhean. PIOB.—Gun teagamh ’s i; ach ’s i leug a’s priscile a fhuaras riamh deadh bhean. An cluinn thu mi, ’ghoistidh tha treis a nis o’n a phosadh mi, ach faodaidh mi le focal na firinn a radh, nach do ghabh mi riamh aithreachas. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 182] [Vol. 2. No. 24. p. 6] Marbhrann de Iain Mac Illeathain A DH’ EUG AM MIOS MEADHONACH A GHEAMHRAIDH ’SA BHLIADHNA 1844. LE UILLEAM MAC LEOID. Gur a rois tha fo mhulad, Gur trom an cudrom thair m’intinn, Gu bheil mo sgeul cho ro chraiteach ’S gur goirt a rainig i sgireachd. A bhi coimhead na fardoich, A tha fuar fas air a dibreadh, S’ cha chuir mi ’n ceill le caint beoil dhuibh, Meud mo bhroin bhi ga innse. Cha ’n eil aon thig air astar Gu trom airsnealach sgitheil, Nach doir suil chianail a dh’fhaicinn Far na chleachd iad bhi direadh. A dhiunnsaidh fardroich na fialachd Tha diugh a crianadh fodh ’n dile, Bu tric aighear le nail ann Sa leig luchd buairte a sgios dhuibh. S’ bochd lium gaoir a luchd eolais Sa n’ osna bhronaich nuair chi iad, An tulach aoighail a b’abhaist A bhi na Stage aig a sgireachd A bhi gun deatach gu smuid Ach a dorsan duinte le mighinn, Is luchd ghabhail a curam, A bhi san uir air a sineadh. An teaghlach measail bha ainmail Gur fhada dhfhalbh air deagh innse, Gad thainig sgriob air a laraich ’Sa faigheadh cach an tol intinn. ’S gad bha dibhail gun aireamh Sa n-te dharaich on chich iad, So chreach mu dheireadh chraidh iad Sa chuir na thainig air diochuuimhn. Ach iain mhic-sheumais Gur goirt a sgeul leam ri innse, Nach faic mi tuilleadh gu brath thu Fhir a naduir bu shiobhalt. Com na maise sna h-uaisle Bhi anns a n-uaigh air a shineadh, Sa gaordain treun bu mhor tabhachd Nach cuir thu spairn air ge direadh. Bu du fiuran na feileadh Bu dreachar eiridh as direadh, Sa phearsa cheutach ro dhealbhach Gur gann nach ainmicheadh righ ort. An t-aodan tlachdmhor ri shealtuin Cha n-fhaichte greann air le miothlachd, Ach aoidh is tlachd agus uaisle Rud a bhuain thu s-nach d-dhiobair. Nuair a rachadh du d-chomhdach Gu m aobhar sholais led shinnsreadh, A bhi gad fhaicinn comhlan S’ gun do sheorsa ann ri innse. Chon do mhullaich gun sgod ort ’S gur beag bha phrois ann ad intinn, Ach cridhe faolidh neo-chealgach Sa chom na shealbhaich an fhirinn Sgoilt tha cridhe do bhraithrean Gur duilich aireamh an dibhail, Gu bheil do phiuthar cho craiteach ’S gun chuir do bhas an droch ire i. Gur beag an t-ionadh le cach sid Gur ann tha fath a toil-intinn, Sa chiste chaoil air a charadh Gun duil gu brath ris gun till e. Fhir na muirn sa cuiul ghaire Fhir thug bar air na ciadan, Ann an treine sa n-gaisgeadh Gu’m b’fhearr nach fhaca sinn riamh thu Fhir a sheasadh na cairdean Nuair chuireadh cach iad go deuchann, S’ gad bha tha ciuin ann ad nadar. Gur e do ghairdean gun diseadh Stric ma smuaintinn na laraich A bhios gu brath lium ro chianail, Nuair thanig teachdair a bhais ort S’ nach dthug e dail dhuit go liathadh Do chuislean craobhach a traghadh S’ do neart ga dfhagail be deuchain, A bhi gad fhaicinn a traghadh S’ gad thoirt od chairdean do t-shiorrachd. On nach urrain mi aireamh Na chuir air paipir le sgriobhadh, A liughad tlachd a bha fas ort O bu paisd air a chich thu, Ach fighidh mo bheanachd gu breath leat Is beanachd aireamh do chiadan, S’ gu bheil mo dhuil anns an ard righ Gu bheil u sabhailt bhon trianaid. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 183] [Vol. 2. No. 24. p. 7] Gilleasbuig Caimbeul. Thug thu dhuinn o chionn ghoirid rainn a rinneadh ic Gilleaspuig Caimbeul nach maireann: “Gur mise tha dheth bronach La-nollaig ’s mi na’m onar.” Dh’fheudadh moran a bhi air innsidh mu’n duine chluiteach sin, air am bheil cuimhne mhath fathast ann an Caep Breatuinn. Rugadh e ann am Minginish ’an Eilean a Cheo anns an bhliadhna 1830 agus thog e fearann ri cladach Loch Ainslie ann an C. B.—an t-aon loch cho boidhche ’s a chunaig suil, an uair a chiotar e ‘ann a madainn chiuin cheitean’ ’s a ghrian ag oradh thar nam beann. Anns an aite sin shoirbhich leis gu math agus thuinich e ann gu am a bhais. Bha Gilleaspuig Caimbeul a reir gach cunntais a fhuair sinn air, na dhuine geur-chuiseach agus tuigseach, aig an robh eolas agus breithneachadh os ceann a chumantais. Bha e na sheanchaidh math, na dhuine aig an robh intinn thoilichte agus a bha fuathach air an h-uile ni suarach agus olc. Bha deidh aig oige is aig aois air a bhi na chuideachd a thaobh suilbhireachd inntinn. Dh’innseadh an oigridh dha an spors neo-lochdach a bhiodh aca na miosg fein, agus, na’m biodh aobhar air a shon, ghabhadh e pairt maile riu nam fearas-chuideachd. Bha mar sin buaidh shonraichte aige thairis orra, ga’n treorachadh agus gan comhairleachadh a chum a leas ni nach robh e dearmadach a dheanabh. Tha dha deth chuid oran anns a chloth-bhualadh a thainig a mach anns an duthaich so de “Shar-obair nam Bard Gaelach,” marbh-rann do leanabh gille leis fhein, a chaochail ann an Alba, agus marbh-rann eile do n cheud bhean a bha aig Alastair a mhac. Tha Alasdair fathast beo slan. Dheug Eoghann, am mac bu shine aig a bhard, o chionn faisg air coig bliadhna. Bha e na mhinisteir ann an Leoghas iomadh bliadhna, gu am a bhais. Chuir sinn seachad beagan uine maile ris, le mor thaitneas, na dhachaidh shuilbhir fhialaidh an samhradh mun do chaochail e. Cha dhi-chuimhnich sinn gu brath gach coimhneas a nochadh dhuim leis-san agus leis an og-bhean uasail chliuitich nighean a bhrathar, a bha aig an am ud a cumail tighe dha, ach a tha bho ’n uair sin a cumail tighe dhi fhein ann an C. B. Rinn Mr. Caimbeul iomadh duanag lurrach re a bheatha anns an robh blathas agus daimhealacd intinn gu soilear ri ’m faicinn, ach tha iad ach beag uile air an call do bhrigh nach robh iad air an sgriobhadh sios. Choinnich e uair ri moran alabain ’s e air thuras dhachaidh a Halifax. Thoisich e mu dhearadh’ tha e coltach, air cur an teagabh an ruigeadh e idir dhachaidh beo. Agus a thaobhs gum b’e Eoighan am mac bu shine, chuir e rainn ri cheile ag earbsa an teaghlaich ris. Bha Mr. Eoghann ga ’n gabhail dhoth ann an Leoghas. So an da rann mu dheireadh:— Seas thusa le sgoinn Do mhathair ’sa chloinn Dean sin agus toill mo bheannachdsa. ’S nuair ruigeas sibh thall Bith mise air ’ur ceann S bidh coineachadh ann gun dealachadh. Tha Anna, Alastair, Iain-Tearlach agus Peggie a tha air an ainmeachadh anns an dan a thug thu duinn air a mhios a dhalbh, uile a lathair agus tha dochas againn gum bi iomadh latha fathast mu’n cluennear am bas. Thug an t-iomradh a thug thu air Gilleaspuig Caimbeul mo smuaintinn air ais a dh’ ionnsuidh na laithean a dh’ aom, agus chuir sin mi a sgriobhadh so. Do charaid, C. C. Strathalba, P. E. I. Fhuaradh gille og, aois thri bliadhna deug, marbh ann an Charlottetown oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’gol gu trom fad latha no dha roimhe sin. Be an treas fear a bhasaich anns a bhaile leis an deoch laidir air an t-seachdain sin. Tha Ruaraidh Munroe, am Mira, a cosnadh deagh ainn dha fhein mar dhotair cansair. Thoisich e air leigheas an tinneis sin o chionn beagan us da bhliadhna agus anns an uine sin bha tri casan deuga aige, ’s leighis e a h-uile h-aon dhiubh. Dh’ eug D. N. Shaw, ceannaiche, aig a dhachaidh ann an L’Ardoise Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e 68 bliadhna a dh’aois. Bha cruinneachadh mor sluaigh air an toriadh aige. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 184] [Vol. 2. No. 24. p. 8] Gun Chrodh Gun Aighean. Ged ’tha mi gun chrodh gun aighean, Gun chrodh laoigh gun chaoraich agam; Ged ’tha mi gun chrodh gun aighean, Gheibh mi fhathast oigear grinn. Fhir a dh’imicheas thar chuantan, Giulain mile beannachd uamsa Dh’ ionnsaidh oigear a’ chuil dualaich, Ged nach d’ fhuair mi e dhomh fhein. Fhir a dh’ imicheas am bealach, Giulain uamsa mile beannachd; ’S fhaod ’s tu innseadh do mo leannan, Mi bhi ’m laidhe so leam fhein. ’Fhleasgaich thainig nall a Suaineart, Bu tu fhein an sar dhuin’-uasal; Gheibhinn cadal leat gun chluasaig Air cho fuar ’s ga’m biodh an oidhch’. Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich, Cha ’n eil mi gun mhaise ’m aodann; Dh’fhthinn breacan a bhiodh caol dhuit, ’S dheanainn aodach a bhiodh grinn. Naile! ’s mise ’tha fo mhulad, ’Us mi tamh ’s an t-seomar mhullaich; An leanam bh’agamsa an uiridh, Sann tha ’n diugh rium cul a chinn. Naile! ’s mis’ tha dubhach, deurach, ’N seomar ard a fuaghal leine; Chaidh mo leanan do Jamaica, ’S ciod am feum dhomh ’bhi ’g a chaoidh. Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile, Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: Iain Mac Gilleain, Gleann-a-Bhaird N. S. Gilleasbuig Mac Gille-Mhoire, Boston. Iain Mac Illinnean, Cow Bay. Ailain Mac Gille-Mhoire, Big Pond. Bean I. ’Ic Ille Mhaoil, Avonmore, Ont. R. A. Mac Gille-Mhoire, Bute City Montana. D. I. Mac Ille-Mhaoil, Cow Bay. Aonghas Mac Leoid, do, Aonghas Mac Dhomhnull, Glace Bay. R. Mac Fhioghain, Amegadies Pond. Alastair M. Mac Leoid, Framboise. D. I. MacLeoid, Stirling. Iain Mac Dhomhnuill, Glengarry, C. B. Alasdair Caimbeal, Strathlorne. Aonghas Mac Asguill, Munroe’s Point. Iain Mac Thearlaich, South Gut. Bean Iain ’Ic Nimhein, Catalone. Uilleam C. Mac Aonghais, Ferry Landing. Ailain Mac Aoidh, U. S. W. Margaree. Domhnull Mac Amhlaidh, Grand River. Iain Mac Ille-Mhaoil, Chicago. Iain Mac-a-Phi, Bridgeville, N. S. J. W. Domhnallach, Malagawatch. D. A. Mac Gilleain, Stirling. An t-Urr Coinneach Mac Coinnich, Halifax. A. D. Mac Suain, Glascho, C. B. Bean Dhomhnuill ’Ic Neacail, Roseburn, C. B. Ruairidh Mac Neill, Glace Bay. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Nollaig Chridheil! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son na Nollaige. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Sidni, Dec. 9mh, 1893. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 185] [Vol. 2. No. 25. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 23, 1893. No. 25. Dr. G. T. Mac Gilleain. DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha MAC-TALLA a’ guidhe Nollaig chridheil, shona dh’a luchd-leubhaidh uile. Tha ’n geamhradh air toiseachadh da-riseadh anns an Iar-Thuath. Tha stoirmeannan mora sneachda aca ann an Dekota ’s ann am Minnesota. Dh’ eug seana bhean da’m b’ ainm Mairearad Dhomhnullach aig Gabarus o chionn ghoirid. Bha i ceud bliadhna ’sa ceithir a dh’aois. Cha’n eil gle fhada o’n dh’ eug fear Domhnullach ’san aige cheudna a rainig ceud bliadhna ’sa sia. Tha faisg air ceithir fichead mile sa deich de dhaoine ’nan tamh an Boston. Tha moran de mhuinntir na duthcha so ’san aireamh sin, agus tha moran eile an deigh am baile fhagail. Cha’n eil moran coltais air gum bi leasachadh sam bith air staid nan Staitean re a gheamhraidh. Cha do mhair an sneachda bha againn air an t-seachdain s’a chaidh ach beagan laithean. Tha nis an talamh ruisgte rithist agus tha e gle choltach gu’n bi Nollaig uaine ann air a bhliadhna so. Tha cion an t-sneachda a cumail nan rathaidean mora gle dhona. Bidh am foghar a chiadh seachad agus toiseach a gheamhraidh, ainmeil ’s na bliadhnaichean ri tighinn air son na bha de stoirm ann, agus air son na rinneadh de chall air soithichean. ’S ainneamh foghar no toiseach geamhraidh a rinn a leihtid de sgrios air muir. Chaidh na sgoilean air feadh na duthcha so air fad a leigeil ma sgaoil Di-haoine. Bidh iad nan tamh gu ceann da sheachdain. Tha mar sin cothrom air a thoirt do’n oigridh a tha dol do’n sgoil air a bhi cho creidheil, sunndach air an Nollaig ’s air a Bhliadhn’ Uir ri muinntir eile. Dh’ eug Michael Doherty, aois cheud bliadhna, anns a phriosan am Belleville, Ontario, Di-mairt s’a chaidh. Bha e air a chur a stigh air son a bhi beagaireachd air feadh an aite gun a bhi feumach. Air an latha sin fhein chaochail an t-Urr. Mr. Wastell sig Clinton, Ont., ’s e ceud bliadhna dh’aois. Chaidh Tomas Eagan, duine mhuinntir sronamachd Chumberland a chur do’n taigh oibreach air son each a ghoid. Tha e gu ceithir bliadhna chur seachad anns an aite chuingeil sin. ’Nuair a gheibh ma sgaoil saolaidh sinn ma bhios each a dhith air, gur fhearr leis fear a cheannach. Choisich fear Edward A. Williams eadar New York us New Orleans ri tri fichead latha ’sa tri deug gun sgillinn airgid a chosg air fhein fad an rathaid, ach a faighinn a bidh ’s gach goireas eile o shluagh na duthcha troimh ’n robh e dol. Rinn e so air son geall agus choisinn e coig ceud deug dollar. Cha d’eirich olc sam bith do’n t-soitheach ghuail a chaidh air chall toiseach s’a chaidh. Rainig i faisg air Halifax feasgar Di-domhnaich agus chaidh a thoirt a stigh do’n acarsaid an ath latha. Bha’n caiptean ’san ceathrar dhaoine bha comhla ris beo, slan. Bha aoibhneas mor air muinntir Shidni nuair a chual iad an deagh sgeul. Tha fear Aonghas Mac-Illemhaoil, a mhuinntir Lochaber an Antigonish, air chall o chionn corr us seachdain, ’s ge do rannsaicheadh gach aite. cha d’ fhuaras sguel air. Tha iad a deanamh a mach gu’n thuit e bhar drochaid air an robh e dol seachad agus gu’n ghiulan struth na h-aibhne air falbh e. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa coig a dh’ aois. Bha mulchag mhor chaise aig Canada air Feill an t-Saoghail, agus tharruinn i moran aire. An deigh do’n fheill sgaoileadh, chaidh a cur a null gu Sasuinn, ach mu’n d’ rainig i thoisich i air grodadh, tha i gu bhi air a call gu buileach. Chaidh a tolladh uair no dha aig an fheill feuch an robh i falain agus fhuaradh gu robh, ach a reir coltais fhuair na cuileagan ’na rathad agus ’se sin a chuir a dholaidh i. Tha moran aca ri radh am Parlamaid Bhreatuinn anns an am so mu na soithichean-cogaidh. Tha aireamh mhor dhe na fir-pharlamaid a deanamh a mach nach eil iad idir cho lionmhor no cho math air an cho lionmhor no cho math air an deanamh ’s bu choltach dhaibh a bhith, agns nan tolsicheadh cogadh gu’n faodadh na rioghachdan eile droch ria[?]ladh a thoirt de Bhreatuiunn. [TD 186] [Vol. 2. No. 25. p. 2] BLAR WATERLOO. LE LACHUNNI MAC GILLEAINN. Tha fios aig a chuid is mo do’r luchd leubhaidh gu n’ deach Bonaparte, an deigh iomadh blar mor agus fuileachdach, a chiosnachadh, agus a chur air fogradh do Eilean Elba. Air an dara mios de ’n bhliadhna 1815, rinn e saod air teicheadh a’ Elba, le coig soithichean, agus mu thuairm mile fear. Air a cheud la de ’n treas mios, thilg e acair air cursa na Frainge; agus air an fhicheadeamh la bha e ann am baile-mor na Frainge, air do ’n ochdamh-glun-deug de Luathais an crun a threigsinn agus teicheadh. Bha ’n roinn-Eorpa gu leir a nis bho thaobh gu taobh aon uair eile fo ghluasad. Cha robh cinneach na treubh nach robh a’ dol ’nan arm. Bha picean ’gan geurachadh—piobean ’gan gleusadh—fudar a ’s luaidhe a ’m miagh—agus an saoghal, mar gu ’m biodh air chorrabiod! Mu ’n d’ thainig ach beagan laithean, bha Wellington air cheann 120,000 fear, Blucher air cheann 120,000, Schwartzenburg ar cheann 300,000, Trimont ar cheann 80,000 gu leir 620,000 fear. Chuir an armailt mhor so romhpa, ma ’n d’ thughadh iad claidheamh a’ truaill, gu ’n tugadh iad comas do rioghachd na Frainge Bonipart a thoirt suas dhaibh; agus mar tugadh, gu ’n doirteadh iad air an Fhaing mar thuil sgriosaich, bha gach cearn’, g’ a smaladh ma choinneal. Co na, fhad ’s a bha iadsan a’ tional ’s a runachadh, cha robh Boniparte ’n a thamh. Chunnaig e nach robh mionaid ri chall. Chuir se e fein, uime sin, air cheann tri-cheud-mile fear cogaidh, blath agus gaisgeadh na Frainge; agus air tri uairean ’s a mhaduinn Di-luain, air an dara-la-deug do mhios mhiodhonach an t-samhraidh dh’fhag e Paris is aghaidh air na Netherlands far a robh Wellington ’s Blucher, an duil gu ’n doirteadh ’e orra mu’m biodh iad nan omhail, agus mu faigheadh an da sheanalair eile, le ’n cuid milltenn, tighinn gu’n cobhair. ’S ann marsin a bha ’chuis. An ceann beagan lathean thainig e air s uit de na Pruissianaich; chuir e ’n ruaig orra; mharbhadh deich ceud dhiubh agus chaidh deich ceud eile ’ghlachadh. Air aghaidh a ghabh e; agus air a choig-la deug rainig an naigheachd Brussels, far an robh Wellington agus oifigich an airm Bhreatunich, uile cruin aig Bull dannsa, gu ’n robh an t-arm Frangach mar fhichead mile dhoibh, agus gu ’n do ghlacadh an daingneach laidir Charleroy; Sheid an nis an trompaid, bhuail an druma, dhuisg am baile, ’s thoisich gach coirneal ri reisimeid a chuir an ordugh meirsidh. B’ iad na reisimeidean Gaelach, an dara te ’s an da fhichead (42), agus an dara te deug ’san ceithir fichead (92) a bha deas an toiseach. B’iad a thog e cheud [?]llach, ’s a mheirs fo ’m brataichean, ’s am fichead piob mhor a cluich. “Thigibh an ’so, chlanna nan con.” Bha ’n cath a cheana air toiseachadh eadar Boniparte agus Prionns’ Orange. A chuile reisimeid mar rainig an larach uime sin, cha robh dail ann, ach toiseachadh ris an luagh-lamh. Far an robh an t-arm Breatunach, bha, air a char bu lugha tri Frangaich mu ’n aon; ach ged a bha s’ iad na Breatunnaich, nach do ghaoh meathadh. Thainig an namhaid orra nan tonnan; ach thachair earraig riutha—’n uair a choinnich iad an staillin fhuar, bu bhuidh leo teicheadh. Thill iad a rithisd; ach ma thill, b ann gu teicheadh a rithisd. Thainig iad an treas uair le tuilleadh agus tuilleadh feachd, le eachraidh ’s gu leir. ’N uair chunnaig an Seanalar so, dh’ orduich e an reismeid rioghail agus an da-fhichead-’sa dha gu coinneamh a thoir dhaibh. Rinn iad so gu duineil; ach ma rinn cha b’ ann gun diobhail. Bha obair a bhais, gun lasachadh, a dol air aghaidh ’s an aite so fad tri uairean an uaireadair, gun bhuinginn air air taobh seach taobh. Ma dheireadh thuit an Diuc, ceann nan Gearmailteach, ’s e ’brosnachadh a dhaoine fo mhothar nan canan. ’N uair chuinaic na Gearmailtaich gun do thuit an ceatharnaich gabh iad miapadh ’s thoisich iad ri dol air an ais. ’N uair chuinaic an namhaid so lean e iad le buaidh chaithream, an duil gu robh an latha leis. Ach bha e ’m mearrachd; bha reisimeid dluth, ’s cha Ghearmailtich nach fhac’ iad, ullamh gu di-beatha ’thoirt dhaibh—bha ’n 92d reisimeid Mhorair Shundai, le ’n eileadh ’s le ’n osain ghearr. Leig an reisimeid so na Gearmailtich seachad orra; agus an nis dh’ fhosgal iad an lamhach uamhasach air an namhaid, a thug air a chuid nach do thuit dhiubh an cul an nochdadh! Mu cheithir uairean, thill iad a rithisd le feachd ur; ach ma thill, fhuair iad an tomhas ceudna. Bha reisimeid Ghaelich eile aig laimh a nis—an 78th. Thug iad so aon dararach dhaibh; agus an sin, le rinn na stailinn mar gharadh aon fhailt a lubadh a ghaoth, chaidh iad troimh bhalla an namhaid. Fhuair an commandair, Coirneal Douglas tri peileirean ’na chorp air a la so, ach air a shon sin, sheas e aite gu feasgar. Dhoirt cho liuthad de ’n namhaid aon uair air an Reismeid Dhuibh, ’s gun saoileadh neach gun slugadh iad suas i. Am measg chaich, thainig reisimeid each le ’n clogada cruadhach, ’s le ’n eideadh staillinn, ’nan crainn-leum. Dh’ fhosgal an reismeid dhubh ’s leig i troipe iad: agus ma leig, cha d’ o thill a h-aon dhuibh beo—ghearr iad fhein agus na h-Eich-Ghlas ’nam bloidhibh iad? Mu sheachd uairean ’s an fheasgar, ghabh an namhaid mire-chatha. Chunnaic Wellington troimh ’n toit an fhudair iad a tighinn, sreath air shreath ’s ghlaodh e ’mach ris an 92nd. “A 92nd cuiribh stad air na balaich ’s gabhaibh ur doigh fein!” ’S iad na Gaidheil nach obadh. Nochd iad rinn na staillinn dhaibh; agus ’n nuair a chunnaic iad an coirneal (Iain Camshron an Fhaisidh-fhearna) a tuitean, chuir e ’n cuthach orra gu buileach. Bhruchd iad air an namhaid a thoirt am mach eirig-fhola, agus chuir iad an ruaig orra mar dhealan ri oiche dillinn, a sior iomain rhomp’ na naimhdean, ’snial fal’ air rinn nam picean! Chaidh fear de na piobairean a leon; ach cha do sguir e do chluich, na shuidhe air an lar, ’s an fhull a craobhadh bho ’chreuchdan! Thuit a nis an oidche. Mharbhadh do na Frangaich air an latha so eadar Ligney agus Quartre Bras, coig-mile-deng; agus cha ’n eil Waterloo fathast ach a toise-chadh! Sheas Wellington agus an t-arm Breatunnach an larach fad na h-oih[?]che; ach ’n nuir thainig a mhaduinn, ’s a fhuair e fios mar thachair do Blucher smaointaich e dol air aghaidh gu frith-bhaile ris an canar Waterloo, mu thuaiream naoidh mile bho Bhrussels. Ann an so leag e ’chairtealan ann an tigh osda suarach re na h-oidhche; agus bi sin an oidhche le stoirm, le dilinn ’s le dealan ’s le tairneanach? Dh’ eirich a nis maduinn an ochdamh-la-deug; ach ma dh’ eirich cha d’ eirich grian. Dh’ fhalaich i ’h aghaidh, mar gu ’m b’e, bho’n chasgairt a bha dluth! Bha fathast an laithir de ’n arm Fhrangach 150,000. Dhiubh so, bha 25,000 ’n an eachraidh cho treum ’s cho deas-lamhach ’s a chaidh riamh sios do bhlar. Cha robh air an taobh againn ach ma thuairm 75 000 gu leir beo! Mu naodh uairean, ’n uair ’bha ’n camp Breatunnach a deasachadh am biadh maidne, cunnacas an camp Frangach fo ghluasad mar thom sheangan. Bha iad dol an ordudh cho luath ’s a ghabhadh iad. Chualas a nis sgal na trompaid ag eigheach, “Seasadh gach fear ri arm!” Shuidhicheadh na gunacha mora air beulthaobh nan daoine mar neoil dhubh, ’s gach aon diubh torrach le bas! Mu aon-uair-deug thoisich an iomairt. Thug Bonipart a cheud ionnsuidh air aonach, ris an abrar Hougonmont (’s e sin Beinn-houg) ach dh’ fhosgal na gunacha-mora Breatunnach air le lamhach cho millteach ’s nach tigeadh a dhaoine ni b’ fhaide air an aghaidh. Dh’ orduich e’ nis a ghunnacha-mora gus an dion. Bha ’n cath ’s an aite teth re iomadh uair; ach sheas na Breatunnaich an larach. ’N uair sguab a ghaoth leatha toit an fhudair, chite na mairbh ’nan dun breac air muin a cheile nam miltean. Ma bha iomairt aig Beinn-houg, cha robh an lamhan a’m pasgadh ’s a chuid eile do’n laraich; oir bha sreath a bhlair corr ’us da mhile gu leth air fad. Cha robh aite am faiceadh Boniparte a dhaoine dol air ais, nach orduicheadh e reisimeid fhuar ’gan cuideachach. Bha aite araidh far an robh Seanalalr Ponsonby a’ dol air aghaidh ’s a sgathadh sios roimhe. ’N uair a chunnaic Boniparte so dh’ iarr e na Cuirassiers a leigeadh annta. B iad so [TD 187] [Vol. 2. No. 25. p. 3] eachraidh a shaoil e a bha do-chiosnaichte. Cha robh marcaich dhiu fo shia troidhean air airde; agus b’ eiginn gu robh thu ann an tri b’air, agus da bliadhna deug ’s an arm mu ’n gabhte idir thu. Bha gach ach dhiubh air an eideadh ann an clogad ’s an luirich mhaile bho mhullach gu ’n rumpull, air chor ’s nach deanadh peileir na claidheamh aideacheadh orra! Bha ’n eich air an taghadh, agus cho ionnsaichte ’s a ruith riamh an aodan teine. ’N uair thainig iad so air an arm Bhreatunach, rinn iad sgrios a bha uamharra! Mu dheireadh dh’ orduicheadh reisimeid nan each glas Albanach thoirt steamadh asda. Ach mo chreach! cha deannadh an claidheamh mor ach gliong air an eideadh, gus na ghlaodh fear, “Gearramaid an speirean!” Thoisich iad a nis ri gearreadh speirean nan each Frangach, agus an ceann leth-uair chuir iad an ruaig orra. ’N uair ’chunnaic Bonaparte so, thoisich e ri ’lamhan a shuathadh, agus ri oiteagan snaoisean an deigh oiteag a gabhal, mar gun abradh e ’na inntinn, “Chaill sinn an latha!” Tha fear a bha lathair ag rath nach urrainn duine smaoineachadh sealladh bu mhoralaich na ’n coinneachadh so; eadar eubh nan daoine leointe—tairneanach a’ bhomb ’s a chanain—gleadhraich agus slachdraich nan claidhean—gaireachdaich agus stirich nan each huza nan arm—“Gum bu fada beo an t-’Impire,” an sud, “Gum bu fada beo an Righ,” an so—Albain gu brath ’s treas aite—bu mhoralach an ceol! Bha ’n sgathadh muladach so a dol air aghaidh a nis ceithir uairean an uaireadair. Bha buaidh mar gum beadh meidh air mheidh. Chunnaic Wellington reisimeid a dol air an ais. Ruith e thuchda, a’ glaodhach—“Illean ciod e so! Ciod a their iad an Sasunn!” Thainig aon uair seanalair thuige ag gradh gu feumadh iad an anail a tharruing oir nach robh an treas duine da ’chuid daoine-san beo. “A bheil an cuthach ort?” ars an Diuc. Tuitaich tusa agus mise, agus gach Sasunnach a tha ’n diugh air Waterloo maille ruinn, mu ’n dean sinn striocadh. An deigh ceithir uairean thainig buidheann na dha de na Prussianaich fo chomanda Bhlucher, a bha mearsadh fad a latha. Thoisich iadsan air na Frangaich; ach mu thoisich bu bheag a sga[?]h orra. Ma sheachd uairean, chuinaic an Diuc nach robh mionaid ri chall. Thug e ordugh gu ’n rachadh gach mac mathair an sas annta. Gabh e ad ’n a laimh, agus ga cuir ma chuairt a chinn, thug e huzza aird a chinn. ’N uair chunnaic an t-arm Breatunnach so, rinn iad an ni ceudna; agus an nis thug iad an sas ’s an namhaid duine ri duine le mire chatha cho oilteal ’s gun do gabh an t-arm Frangach bristeadh! Threig iad an gunnacha-mora; thilg iad uatha an airm ’s thng iad an aghaidh air a rathad-mhor ni ’n uair chunnaic an t-arm againn, thug iad aon ghaoir-chatha iollagach, a reub an t-athar. Chluich gach buidheann ceol a dhuthcha; agus bu bhinn air a mhionaid sin, Di-domhnaich mar a bha, “Gilean an eillidh” air a phiob. Lean Wellington ’us Blucher an ruaig fad choig mile, sgith agus acrach mar a bha iad; agus ma lean ’s ann an sin a bha ’n dortadh falla, ’sann an sin a bha ’n casgradh! prionnsan, ’us seanalearean, ’us ofigich us saighdearan, ’gan saltairt fo chasan na miltean! Mu-dheireadh chuir Wellington roimhe gu ’n gabhadh e fein agus ’arm fois na h-oiche (cha b ioghnadh e, an deigh naoidh uairean da dhearbh obair); ach lean na Prussianaich an ruaig le solus na geallaich. ’N uair rainig na Frangaich baile mor Genappe, chrann iad na geatachan; dhruid iad suas na sraidean le cairtean ’s le carbadan ’s gnnacha-mora, an duil gu ’m faigheadh iad fois na h-oidhche, agus caileginn r’ a itheadh. Ach cha robh iad a bheag ’a ’s leth uair air an cluasaig, ’n uair a b’ eiginn leum suas—chualas gunnasha-mora nam Prussianach! Thoisich an nis greadan goirid nach robh fion-fhuair. Mu dheireadh gheill na crainn ’s ghabh Blucher seilbh air a bhaile. ’S ann a so a theich Boniparte le ’anam a’ fagal a charbad le shia eich lurach, ad ’s a chlaidheamh, ’s a cleoc impireil ’s a ghlaine-phoca ’n a dheigh, an lamhan an namhaid. Tilemaid a nis agus gabhamaid gearr-shealladh air larach a bhlair—air a laraich fhuileachdaich Waterloo! Ged tha iomadh mile treum an so a caitheamh na h-oidhche gu samhach ciuin fo throm chadal a bhais tha miltean ann mo chreach! nach do chath i ach gu h-shocrach! Tha fhios aig an t-shaoghal gu ’n do chaill na Frangaich an la so cor ’s tri fichead mile fear, agus an taobh againn ma thuairm deich-mile-fichead. Abramaid, mata, gu bheil a nis a caith na h-oidhche ’nan sineadh air an fhliucheraon—marbh, da-fhichead mile; agus da-fhichead mile eile leointe, a ’m breislich a toirt ordugh commanda, ag eubhach air son boinne dibhe, na a tilgeadh an deo, gun chairaid na fear cinnich a chuir na corraig air an suil! Cuir ris a so corr ’as coig-mile-fichead each eadar marbh us leointe agus ar-leam gun aidaich thu nach obair bheannaichte an cogadh. ’N uair a dh’ eireich a mhaduinn b’ uamhara, gun bhreig, an sealleadh! Cha ’n e amhain gu ’n robh na mairbh air an rusgadh, ach bha na miltean dhiubh air am pronnadh fo chasan nan each, air a riasladh as a cheile le cubhlean nan gunnacha-mora, na air an tolladh mar chriathar leis na peilearean an deigh dhaibh tuiteam. Thug e gu leoir ri dheanamh do mhiltean de mhuintir na duthcha fad iomadh latha an amhlac. Chladhaich iad sluic mhora, a chumadh da na tri dhusain. Mu dheireadh, bha uiread do dh’ eagal orra na closichean breota a laimhseachadh, ’s gu ’n d’ rinn iad cromagan mo iarruinn, leis na shlaod iad na cuirp, ’gan tilgeadh ’san t-sloc, mar gu ’m biodh tu scaradh moine. Cha robh tobar, na sruthan, na abhainn, mar mhiltean mu ’n cuairt nach robh a ruith le fuil fad iomadh latha. Cha robh craobh air an robh duilleach; cha robh achadh nach robh mar fhas bhuainn? Bha e ceithir latha gu leth ma ’n d’ fhuaireas an t-iomlan do na daoine leointe a thoirt bharr na laraich; ach ma dheireadh lionadh gach sabhal, gach bathach, ’s gach eaglais a ’m baile-mor Bhressels agus mar mhiltean ma’n cuairt. Dh’ ialaidh iomad dhiubh fein air am magan, cuid dhiu’ trian de’n rathad ’s cuid dhiu leth an rathaid, ach an so a leig romhpa, rgus a thilg an deo! Chladhaicheadh sluic dhaibh so ri taobh an rathaid, fad nan naoidh mile gu Brussels—baile ann ’s an robh a cis tri-mile-fichead do shaighdeeran leointe, iomadh dhiubh a tighinn beo air cuirp mharbh an companaich! Thigeadh sibhse an so, a luchd duthchadh; ’s fhiach e ’n t-saothair. Ma tha ’ur cridhe lan cheanna, mar a tha cuiraidh e thairis ’n uair thig sibh an so. Chi sibh fathast mar chaidh an larach a threabhadh le peileirean chanan. Rinn an soc, their sibh, ’obair fein; cha robh di sannt air a choltar; ach bha aon chuid, an donus no ’n daorach air an airean a bh’ air a chrann. Chi sibh mile polag dhomhail cha phollagan buntata, ach uaighean nan treum. Chi sibh fiar fada uaine; talamh reamhar sultmhor air a thodhar, cha ’n ann le inneir chaorach na ghobhar, ach le fuil laochraidh cho neo-mheachranach, cho misneachail ’s a sheas riamh air balt broige. Chi sibh—(c’ aite a sguir mi)—chi sibh clach chuimhneachan, air a bheil air a ghearradh mar so: “Air a choisrigeadh mar bhuan-chuimhne air Captain Nial Caimbeul, Caiptin Iain Sinclair, Captin Iain Camshron, Lieut. Iain Kynock, Lieut. Iain Rowling, Lieut. Eobhan Kennedy, agus naoidh oifigich og eile agus tri-fichead-’s a-deich saighdear de ’n reisimeid Ghaelaich an 79th a thuit eadar Quartre Bras agus Waterloo—blar anns a deach a leonadh de ’n reismeid so a thuilleadh orra so a chaidh a mharbhadh, ceithir-’ar-fhichead oifigach, agus tri cheud tri-deag ’us tri-fichead saighdear! Chaidh an leac so a thogal, mar chuimhne air an euchd fo n arm, le oifigich eile na reisimeid nach do thuit “Cia samhach cadal trom nan treum A thuit—ma thuit, cha b’ann gun euchd! Nuair thuit na h-uiread so do aon reisimeid Ghaelach bheir e beachd dhuinn air na thuit do chach—an dara te ’s an da-fhichead (42nd) agus daraste-deug ’s an ceithir-fichead (92nd). Chi sibh garadh mor Beinn-houg, no cnochd na h abhain sgiath-dhion an airm Bhreatunnaich, far an robh Jerome brathair Bhoniparte, ag obair fad an latha le ’dheich mile saighdear guinneach, ach a thug dulan da, gu (Ri leantuinn air taobh 7.) [TD 188] [Vol. 2. No. 25. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 23, 1893. AN T-INNSEANACH MATH. Bha Innseanach latha a gabhail troimh fhearann duine mhoir ann am Pennsylvania. Air do’n latha bhi teth dh-iarr an t-Innseanach deoch de bheer air an duine mhor. “Cha’n fhaigh thu beer,” arsa ’n duine mor. “Ma ’se do thoil e ma ta, thoir dhomh deoch uisge, oir tha’m padhadh mor orm,” ars an t-Innseanach. “Cha’n fhaigh thu deoch uisge nas mo; bh mad’ ghnothuch, a choin Innseanaich.” Tharruinn esan ceum no dha air is, dh amhairc e gu math geur an odann an duine mhoir us dh’ imich e oimhe gun ghuth a radh ris. Beagan uine ’n deigh sin chaidh an duine mor a mach a shealg agus gu turragach chaidh e air chall feadh na coille. Bha an oidhche tighinn us bha e ’gabhail eagail. Choinnich Innseanach e. Gu de cho fada ’sa tha mi o leithid so a dh’ aite?” dh’ fheoraich e. “Tha thu ceithir mile deug o’n aite dh’ ainmich thu, tha e cunnartach dhuit coiseachd cho fada feadh na h-oidhche; tha fiadh-bheathaichean an fhasaich tighinn a mach air son cobhartach. ’S e do bheatha fo fhasgadh an tighe agamsa re na h-oidhche, agus ’se do bheatha gu gabhail dhe na bhios air ullachadh. Thug an eigin air an duine gheal an tairgse ghabhail, agus chaidh e do’n bhuth. Thug an t Innseanach ’sa bhean dha aran us bainne us ni sam bith eile a thachair a bhi aca. An deigh na suipeir, rinn iad suas leabaidh do bhein, ’nuair a laidh an duine geal sios chomhdaich iad e le tuileadh bhian, gheall iad fois mhath dha is gheall iad a ghusgadh ’sa mhaduinn. Aig eirigh na greine a reir sin chum an t-Innseanach ri fhacal. “Eirich, tha ghrian air eirigh, tha na fiadh-bheathaichean air pilleadh, faodaidh tu coiseachd a mise tearuinte. Dh’ eirich an duin’-uasal is ghabh e beagan bidhe o’n Innseanach choir, is thog e air dhachaidh. Leag an t-Innseanach a ghunna fhein, chuir e air a ghuallainn e, ’s choisich e da mhile dheug roimhe. Thionndaidh e us dh’ amhairc e air an duine gheal ’san aodann us thubhairt e ris gu fearail, “Am bheil thu ’gam aithneachadh?” Bha duil a nis aig an duine gheal nach robh tuilleadh saoghail aige. Chaidh e air chrith o bhonn gu mhullach. “Tha mi deanamh gu faca, mi d’ aghaidh,” ars esan. “Is tua a chunnaic. Is mise an duine a dh’ iarr deoch ort nuair a chaidh mi seachadh air do gheata. Bu diomhain ni iarrtus, ach na gabh eagal, tha thu gle shabhailte. ’Se da mhile eile tha agad ri dhol. Slan leat, ach na abair cu Innseanach tuilleadh ri do cho-chreutair. Shniag an duine geal dhachaidh fo naire ma bha naire ann. Chaidh an t-Innseanach dhachaidh le gairdeachas an deigh buaidh a thoirt air an olc leis a mhath.—Eadar-thean, le D. C. A SEALG NAN CARRIBOO.—Chaidh dithis dhaoin’ oga mhuinntir Bhaddeck, Iain Mac Rath, agus Domhnull Mac Illinnean, do’n mhonadh a tha eadar an Abhainn Mheadhonach us Ceap Nor, a shealg nan Carriboo. Air an 11mh latha dhe’n mhios so chunnaic iad mu fhichead dheth na beathaichean sin, ach cha d’fhuair iad gin dhiubh. An ath latha chunnnaic iad tri, agus mharbh iad a dha dhiubh, beathaichean briagha. Bha aon dhiubh air an robh croic eireachdail. Tha aireamh mhath dhe na creutairean taobh tuath an eilean so fhathast, ach a reir gach coltais tha’n aireamh a dol nas lugha gach bliadhna. Bhiodh e na chall mor do’n eilean nan rachadh iad as gu buileach, agus tha sinn an dochas nach bi na sealgairean a cur as do mhoran dhiubh. Bhiodh e gle iomchuidh do Riaghladh na duthcha lagh a dheanamh gan dion. ’Se ’n carriboo beathach cho boidheach ’s cho neo-chronail ’s tha de bheathaichean fiadhaich ’san duthaich so. Bidh am mathan ’san sionnach cronail gu leor air uairean, ach tha ’n carriboo gun chron sam bith, agus tha e deanamh a dhachaidh ann an garbhlaichean anns nach dean mac an duine tamh am feasda. Tha cuideachd laidir air a chur air chois an drasda air son an Abhainn Mheadhonach a’ thionndadh o ’cursa nadurra, agus toirt oirre sruthadh an ait eile. ’Se mi a tha air aire mam feara moran oir a tha air grunnd na h-aibhne a scriobadh as. Cha chuala sinn gu’n d’fhuaras a bheag dhe’n stuth phriseil sin fhathast, ach tha creideamh laidir aig a chuideachd. Tha sinn an dochas gu’n soirbhich nas fhearr leotha na shoirbhich leis an duin uasal a bha dol a thraoghadh Loch Ainslie aireamh bhliadhnachan air ais. Be Dior-daoine s’a chaidh an latha bu ghiorra dhe’n bhliadhna. Bha e ochd uairean us seachd mionaidean deuga a dh’ fhad. Bidh latha na Bliadhna Uire ochd mionaidean nas fhaide na sin. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gun, Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov.17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7 p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. [TD 189] [Vol. 2. No. 25. p. 5] Aoir a Mhathain. LE AILEIN AN RIDGE. Mo mhallachd le durachd Aig an udlaiche mhathain, ’S e cho dlu ri cu badhail Nach siubhlach e, A bhrisetas gach comhla ’S e n comhnaidh ga n tathaich Fear tholladh nan taighean ’S gun spunneadh e, An dearg robair s a meirleach Anns nach d’fhas bonn de dh’onair Fear duth an droch nadair, Ann s gach aite ri dolaidh Na n cluinnte gur bas dhut ’S e dh’fhagadh mi toilicht, Bhi gad ith aig na coin Air na dunanan. ’S olc an cliu th-aig gach duin ort Fhior bhurraidh gach ainmhidh, Cha chluinnear ach ainnig Fear gaoil agad, A shloightire bhradaich, Bhios a slaid air a mheanbh-chrodh, Nuair thigeadh an t-anmoch Cha shaorinn thu; B e do choltas ri innse Fear fior-bhuiceach lachdunn, Gu ’stiorlagach, grimeach, Bu tu m picair ri t-fhaicinn, Gu dubhanach, ioghnach, Gur miapaidh cur chas ort ’S tu gun sin ach mi-mhais Us droch aogas ort. Ort tha coltas na beiste, Leam a b’ eitigh bhi t-amharc: Cha n eil beus no mac-samhuil Ri fhaotuinn dhut; Nuair a ghabhadh tu bhreine Bhidh drein ort gu t-amhaich, ’S gu bu deisneach leam Coimhead san aodunn ort. Cha robh riamh du cho grad ann ’S cha ’n fhas iad a feasda, Bhidh a mhuc na fior Bhanrinn ’S a cuir lamh riut no seasamh, A phliutaire spagaich Tha t-fhaileadh ro sgreataidh, Bidh cach uat a teicheadh. ’S cha taobh iad thu. Bu tu sglamhaidh ’s ar trusdar ’S e muisean a b ainm ort. Fhior ghlutaire ’S cealgadair craosach thu, ’S a bheil nadar an uilce Lan murt agus marbhaidh, Feadh shluichd agus garbhlaich Gad aonagail. H-uile mathan ’san aite Thoiraibh sraid an null-thairis Gu deanain na Stairean Far nach ardaich a ghaillionn, ’S bithibh ladarna dana Toirt gu brach bhon a geancaich, Mar a tharras sibh dh-aideoin, ’S na caonaibh iad. Tollaibh taighean us croidhean, Bristibh comhlaichan s glasan Cumaibh beo gach droch fhasan Mar dh’ fhaodas sibh; Gheibh sibh muiceoil us feoil ann, Gheibh sibh geoidh agus cearcan, ’S tha gu leor de mhalasas Ri fhaotuinn ann. Gheibh sibh muilteoil us laoigheoil ’S bha sibh aon uair s bu tagh luibh, ’S b fhearr sud no bhi n taobh so Bhon tha daonan aghainn ann. Ach mar h-aisaig sibh n caolas, Cha bhi bhur saoghal ach goirid Bhon as aoig a chuir gainn Air na caorich sibh. A Framboise. Tha na thainig de’n gheamhradh a fantuinn gle bhriagha ach latha no dha a thug oirnn a bhi suathadh nan cluasan agus tha sinn an dochas gu mair an t-side blath tacan fhatast, ged tha sinn a creidsinn gur fearr an geamhradh a thighinn na am fein na e tighinn an am an earraich. Chaidh gill’ og da’m b’ ainm Domhnull mac Asguill a mhuinntir an aite so, a mharbhadh le tuba guail ga bhualadh sa cheann ann a meinn Low Point bho chionn ghoirid. Cha robh e ach ma mhios an sud mu’n do mharbhadh e. Bha e mu sheachd bliadhna deug a dh’ aois ’s na ghille coir a choisinn meas nan uile d’am baithne e. Tha Mr. Hooper tha fuireach laimh da’n aite so a deanamh deiseil gu soitheach seolaidh eile a thogail. Tha daoine aige mu thrath sa choille a snaigheadh an fhiodha agus tha an duil toiseachadh ri togail deireadh an earraich. Si so an ceathramh soitheach deug a thog Mr. Hooper agus cuid duisin air an duair e pris mhor. S mor a feum a ni leithid sin de dhuine ann an aite. Tha loch beag a muigh air cul an aite so ris a cainear loch nan coig eilein agus ma tha e fior ma tiomchioll as i loch cho ainmeil sa tha ann sa t-siorrachd mur i sa eilein. Tha e air a radh s air a chreidsinn le cuid gu facas caochladh uairean beisd mhor cosmhuil ri muic mhara a snamh sa stealladh an uisge air feadh an loch, agus tha e air a radh mar an ceudna gu facas air an t-seachduinn sa chaidh coltas bata beag ochd ramhach a suibhal sios is suas air a feadh le luas do chreidsinn agus iomadh sealladh eile nach urrain sinn animeachadh an drasda. Tha mi fein a toirt creideas doibh, ach sann a thuirt cuid rium gur a math a thuig Padruig Grannd an seorsa ud nuair a thuirt e “Bhitheadh eagal mor orra roimh na bochdain S iad a faicinn moran dhuibh nach bitheadh ann. CEANN LIATH. Rann Calluinne. Iain Dhomhnallaich nan beann. ’Tha tamh san ait so, Na bitheadh oirbh gruaim no greann Ri neach ’tha saraicht’, Le bhi ’leum s a ruith na dheann Troimh shneachda gabhidh A shealltuinn oirbh aig an am s’, ’S a ghuidhe slaint’ dhiubh. Thoiribh dhe’n dorus an crann Gun tuilleadh dalach, ’S bhon is i nollig a th’ ann, ’S mi sgith is paitaach, Thoiribh gu h-ealamh dhomh dram De ’n stuth mhath laidir A chuireas neart am fear fann S a dh’ fhagas blath e. 1857. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 190] [Vol. 2. No. 25. p. 6] Na Gnath-Fhacail. LE IAIN. A’ h uile cu air a’ chu choimheach. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged a bhiodh an nadur so anns na h-ainmhidhean, oir cha ’n eil miann a’s airde na miann talmhaidh annta. Ach an uair a chi sinn daoine aig am bu choir nadur caoimhneil, cairdeil a bhith, a’ ruith sios choigreach, a chionn gur coigrich iad, cuiridh e ioghnadh oirnn. Tha Dia ag iarraidh oirnn a bhith caoimhneil ri coigrich, agus aoidheachd a thoirt dhaibh; agus iadsan uile a tha ’labhairt gu h-olc mu choigrich, no a deanamh eucoir sam bith orra, tha iad a’ deanamh an ni a tha tur an aghaidh aithne Dhe. A’ h uile latha sona dhut, ’S gun aon latha dona dhut. Is ann a beul neach aig an robh gradh d’ a charaid a thainig na briathran so air tus. Tha iomadh neach ann nach guidh aig am sam bith gu ’n tigeadh sonas a dh’ ionnsuidh muinntir eile. Tha iad coma co a bhitheas gus nach bi a’ soirbheachadh, mur bi soirbheachadh, aca fein. Ni soirbheachadh aimsireil agus spioradail dhaoine eile feum dhuinn; ach cha ’n fhaigh sinn buannachd sam bith o mhi-fhortan dhaoine eile, no idir o bhith ’g arach spiorad a’ ghamhlais agus a’ mhi ruin dhaibh. A’ h uile ni thun a’ bheoil. Tha na briathran so gu h-araidh fior a thaobh nan naoidheadan. Ged a b’ an t-or a gheibheadh ’s ann ’s a bheul a chuireadh. Tha iad fior mar an ceudna a thaobh dhaoine a rainig aois. Tha, agus bha, daoine ann nach iarradh de shonas anns an t-saoghal so ach a bhith ’g itheadh agus ag ol. Is i am bru a’s dia do na daoine so. Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Leighsidh Minard’s Liniment cnatan. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 191] [Vol. 2. No. 25. p. 7] mu dheireidh na ghlaodh e gu ’m bu dee na deamhean a bha ann am balaich an fheile bhig a bha ’ga’n dion. Theagamh gnn abair cuid, “Nach briagha ’chaidh Wellington as? Ma chaidh an duine ard so as, cha b’ ann le sian na le gealtachd! Cha mhor gu robh seanalair dluth dha nach deach a thilgeadh na leon. Bha Coirneal Gordon aon uair a guidhe air gun e fein a chuir an cunnacd mar a bha e ’deanamh, ’n uair thainig peileir ’s an fheadearsaich, ’s a chaidh e troimh cheann. ’N uair bha Coirneal Canning dluth dha le teachdairachd bho sgeith de ’n arm, thainig peileir gunna-mhoir ’s rinn e da-leth dheth. Chaidh peileir thro’ lethcheann Sheanalair Picton bho thaobh gu taobh, agus mar sin sios; air chor ’s ma chaidh an Diuc as, gu ’m b’ ann a chionn nach robh ’uair fathast air teachd. Chaidh mise leigheas de’n loimidh le MINARD’S LINIMENT. ANDREW KING. Halifax. Chaidh mise leigheas de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. LT.-COL. C. C. READ. Sussex. Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich le MINARD’S LINIMENT. C. S. BILLING. Markham, Ont. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 192] [Vol. 2. No. 25. p. 8] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB IV.—Air a Leantuinn. Bha an latha ud uile air a chaitheadh cur an t soithich air doigh. Bha Doctair Saor-ghras mar an ceudna anabarrach driopail air feadh nam maraichean, agus bha iadsan air a neartachadh leis an uile neart a reir a chumhadh ghloirmhoir-san, chum an uile fhoighidin agus fhad-fhulangais maille ri gairdeachas. ’Sann a nis a thoisich iad air bhi tuigsinn brigh na ’m briathran, “Cha’n ann aig a’ mhuinntir a ta slan a ta feum air an leigh, ach aig a mhuintir a ta euslan. A mheud sa chaidh dh-ionnsuidh Doctair Saor-Ghras ri bron thainig iad air ais le gairdeachas oir do’n chuid mhor dhiu thug e an deoch ainmeil sin ris an obrar Ghradh-Chriosd. Bha guth na h-urnuigh sa mholaidh rithisd air a chulinntinn; shealbhaich iad gairdeachas agus aoibhneas agus dh-imich bron agus osnaich air falbh. CAIB V. Nuair thainig na maraichean comhlath rithist bha iad fo mhor imcheist mu thimchiol a mheall neoil. Dh’innis Criosduidh dhoibh gu’m be ’n Tighearna bh’ ann—gu’m buineadh an fhairge dhasan ’s gun do chruthaich E i ’sgur e lamh-san a dhealbh an talamh tioram. Chreid cuid, agus rinn iad mor ghairdeachas thubhairt cuid eile: “Is cruaidh a’ chainnt so; co a dh-fheudas eisdeachd rithe. Bha Tomas agus Ceann-Cruaidh fo theagamh. Chreid Eudmhor le uile chridhe. “Feumaidh sinn tuilleadh dearbhadh” thubhairt Faicill “Cha’n eil Cuisean a reir a’n coltais” arsa’ Dearsadh. “Tha ’n naigheachd tuille ’s math gu bhi fior” arsa Cuilc-Bhruite. Ach fhreagair Timoteus: Is fior an radh so, agus is airidh e air gach aon chor gabhail ris, gu’n d-thanig Iosa Crisod do’n t-shaoghal a thearnadh pheacach d’am mise an ceud-fhear. “Bheil thu creidsinn faoin—sgeulachda a dhealbhadh gu h-innleachdach mar so “dh-feorarch Dearsadh. Dh’amhairc Timoteus mu’n cuairt air le corruich agus thubhairt e: Tha mi creidsinn gu robh Dia air fhoillseachadh anns’ an fheoil, gu’n dh-fhireanaicheadh e san spiorad, chunnacas le ainglibh e shearmonucheadh e do na Cinnich: chreideadh ann air an t-saoghal, ghabhadh suas e chum gloire. Chaidh fear Tearlach Luckey a chrochadh ann am Brockville, Ont., Dior daoin an ceathramh latha deug dhe’n mhios so. Bha e air a chrochadh air son athair ’sa phiuthaa ’sa mhuime a mhort. Rinneadh an ginomh oilteil o chionn corr us bliadhna, agus ged nach fhacas Tearlach Luckey ris, bha dearbhaidhean cho laidir na aghaidh ’s gun deachaidh a dhiteadh. Cha d’ aidich e chionta riamh, agus tha moran a nis dhe’n bharail gu’n deach a chur gu bas neo-chiontach. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Nollaig Chridheil! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son na Nollaige. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Sidni, Dec. 9mh, 1893. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 193] [Vol. 2. No. 26. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 30, 1893. No. 26. Dr. G. T. Mac Gilleain. DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Ghearr bean an an Alberton, E. P. I., a meur an la roimhe, phuinnseanicheadh a fuil leis agus an ceann beagan uine dh’ eug i. Tha ubhlan Chanada a faighinn pris mhath ann an Lunnuinn. Tha pris gu math nas airde na bha i beagan uine roimhe so. Tha ceud ’sa deich air fhichead de thaighean-oil ann an Halifax aig a bheil cead o’n lagh a bhi reic deoch-laidir. Cha’n eil teagamh nach eil aireamh mhath ann aig nach eil cead idir. Ged nach d’ rinn an cholera uiread call air feadh na Roinn-Eorpa ’sa bha daoine ’n duil, cha deoch i bas fhathast. Tha i fhathast ann an Ruisia agus a deanamh sgrios air feadh na duthcha. Oidhche Di-sathaime s’a chaidh, chaidh an tigh aig Howard Marshall, Digby, N. S., a bhristeadh agus chaidh ceud dolar a ghoid. Bha Marshall fhein aig an tigh ’nuair a bha na meairlich ris an obair, ach cha chual e diog. Tha sinn fior thaingeil dha na cairdean a rinn ar cuideachadh air a bhliadhna so ann an cumail suas a MHAC-TALLA, agus tha sinn an dochas gum bi iad uile beo agus comasach air a chuideachadh cheudna dheanamh leinn air a bhliadhna tha tighinn. Ann an New Zealand a nis tha cead aig ua mnathan vote a thoirt seachad aig am taghadh fir-pharlamaid. Thug an Riaghladh an cead sin dhaibh air an t-samhradh s’a chaidh. Bha taghadh aca air a mhios s’a chaidh agus chaidh na mnathan a mach nan neart. ’S neonach da rireadh an ni nach dean daoine air an latha ’n diugh air son ainm a chosnadh dhaibh fein. Bha te Mrs. Ann Cook ann a Philadelphia o chionn ghorrid a ghabh na ceann gu feuchadh i de cho fada ’sa rachadh aice air bhi beo gun ghrenn bidh itheadh. Dh’ fhan i na trasg tri fichead latha sa dha agus an sin thilg i ’n anail. Nuair a thoisich i air trasg thomhaiseadh i faisg air da cheud gu leth punnd, ’s mu’n do sguir i cha robh dad air fhagail dhi ach na cnamhan. An Comunn Ceilteach, Oilthigh Obaireadhain. Choinnich an Comunn so air Di-haoine mar a b’ abhaist Mgr. Alasdair Caimbeull anns an chathair. Be am bonn deasboid “Am bheil na Gaidheal a dol a mugha?” Chuir Mgr. Ailean MacPhail an ceill am briathraibh ro-chomasach gun bheil, ag radh gun deachaidh linn na bardachd seach, gu’n bheil neart cuirp, cruadalas, caoimhneas agus baighealachd nan Gaidheal a fas nis lugha; agus gun bheil iad a leigeal sios canan an duthcha. Na ’m biodh na cothroman air son iunnsachadh a th’againne aig ar n-athaireachean cha ’n eil teagamh nach d’ thugadh iad bar oirnne an litreachas mar ann an nithe eile. Labhair Mgr. Aonghas Urchadan air an taobh eile, a dearbhadh gu greimeal gun bheil Gaidheal an la diugh a cheart cho ainmeal ri’n sinnsiribh ann doigh sam bith san d’ theid an gabhail. Gheibhear iad sgach cearna gan deanamh fein aithnichte an calmachd, agus an gnothuichean saoghalta. Sa cho-dhunadh fhuaradh gun robh a mhor cuid do bhuil a chomainn dheth na bharail nach eil na Gaidheal a dol a mugha. Thainig fear Seumas Brinkman a mhuinntir Winnipeg ri bheatha fhein o chionn ghoirid; chaidh e sios chum na h-aibhne ’s ghearr e toll troimh ’n deigh agus chuir e e-fhein sios ann sin ’s bha e air a bhathadh. Dh’fhag e sgian us piob-thombacca ri taobh an tuill agus a reir coltais ghabh e ceo as a phiob beagan mhionaidean mu’n do chuir e crioch air fhein. Tha ’n tigh-osda a thatar a togail sa bhaile so a dol suas gu bras. Tha ’n taobh a mach cha mhor ullamh agus tha na saoir a nis ag obair air an taobh a stigh. Tha ’n tigh so air a thogail ann an aite boidheach agus cuiridh e sealladh briagha dhe’n bhaile ’nuair a bhios e air a chriochnachadh. Tha e ri bhi air fhosgladh air lath’-Fhir-Padruig. Fhuair maor ann an Columbia Bhreatunnach litir o fhear-lagha an Eirinn an la roimhe ag innseadh dha gu robh caraide dha air caochladh agus an deigh dileabach a dheanamh dheth. ’S fhiach an dileab a dh’ fhag e suas ri da fhichead mile punnd. [TD 194] [Vol. 2. No. 26. p. 2] GAIDHIL CHARALINA. Tha do luchd-leughuidh an comain “Ailain an Ridge” air son an cunntas athghearr a thug e dhuinne mu Dhomhnullaich Carolina-a-deas. Bu mhor am beud gu n deach ainneart a dheanamh air Gaidhil cho dileas d’ an cainnt ’s d’ an eideadh. S cinnteach gun d’fhuair iad air aghart gu math ann an Carolina. Bu mhath leinn tuilleadh a chluinutin mu n timchioll-san agus mu thimchioll iomadh eile a chaidh imrich do na Staitean ud. Chaidh moran Gaidheal do dha Chartrina eadar ceud is ceud gu leith bliadhn’ air ais; cuid a Ile, a Duraidh, a Cinntire, as an eilean Sgiathanach agus a Uidhist, a thuile air na chaidh a null a tir-mor Alba. Shuidhich iad an aitean fallain de n duthaich agus shoirbhich leis a chuid mhor dhiu gu math. Thainig aireamh dhiu gu bhi ’n ard-inbhe aroan anns an Stait agus anns an Eaglais. Nuair dh’eirich na Staitean ann an ceannairc an aghaidh Bhreatunn, cor is ceud bliadhna air ais, cha thogadh na Gaedhil, ’s iad beo, an lamh an aghadh duthaich am breith, agus se rud a bh’ ann gu n do chaill moran diu, do brigh sin, an cuid an t-saoghal Na misg san a dh’ fhuilig cruaidh-chas anns na h-amana trioblaideach ud bha Iain Mac Mhurchaidh, am bard a Cintaile. Ghabh e taobh Bhreatuinn anns a chomh-stri a bh’ann. B’fheudar dha teicheadh ’s a bhi fo n choill uine mhor. ’S ann an uair sin a rinn e “Tha mi sgith ’n fhogradh so,” &c. Ghlac iad mu dheireadh e, ’s chuir iad ann an droch tholl priosain e far na chaochail e ann an uine ghoirid. Bha iad ro naimhdeil dha a chionn gun robh e le chuid bardachd a brosnachadh suas a luchd-ducha gu bhi dileas do Bhreatuinn. Bhuin iad mar sin an-iochdmhor ris ’nuair thuair iad nan inean e. Anns a bliadhna 1774 chaidh Fionnaghal Dhomhnullach maille ri fear posda Ailean Chinnse-Borg do Charolina a-tuath. (Tha Fionnghala Dhomhnullach iomraiteach ann an eachdraidh air son na pairt a ghabh i ann an teanachdas a Phrionnsa ’o na Sasunnaich ’s iad an toir air air son a ghlachdadh, ’s a tairgse £30,000 do neach air bith a bhrathadh e.) Anns a bhliadhna 1775 thogadh reisimeid Ghaidhealach an Carolina gu cogadh air taobh Breatunn agus fhuair Ailean Chinnse-Borgh a bhi na cheann feadhna. Air an ath bliadhna bha iad ri aghaidh teine. Nochd na Gaidhil treubhantas mar bu dual dhaibh. Ach cha do sheas Breatunn an cul mar a dh’ fheumadh iad agus uime sin b’ fheudar geilleadh, ged nach b’ e n deoin e. Ghlacadh Ailean agus iomadh eile ’s rinneadh priosainich dhiu. Phill Fionnghal air a h ais do thir a duchais anns a bliadhna 1779 agus an uair a ghairmeadh an t-sith phill a companach mar an ceudna a dh’ Alba far na chuir iad seachad a chuid eile dheth ’m beatha. Bha Gaelic air a labhairt ’s air a searmonachadh anns na Carolinas fad iomadh bliadhna an deigh an am ud. Bha moran de na Gaidhil nan luchd cumail thrailean agus chluinnte na daoine dutha e labhairt Gaelic cho glan ’s ged a b’ann an tir nam beann a bhearte ’s a thogte iad. Tha fichead bliadhna na cor o n sgriobh an t-Urr. Iain Mac-na-ceardadh a Philadelphia cunntas ath-ghear mu Ghaidheal Carolina anns an dubhairt e gum b’ esan an t-ochdamh ministear agus an t-aon mu dheireadh a shearmonaich Gaelic anns na Staitean sin. Thubhairt e mar an ceudna gum e bheachd-san nach biodh Gaelic tuille air a searmonachadh am an Carolina. Ma tha sin mar sin tha e a dearbhadh gu bheil an sluagh uile ionnsuichte ann am Beurla, ach cha’n eil e dearbhadh gu m beil iad air an Gaelic a leigeil air di-chuimhne. Bha e air aithris doth gu n robh Gaidheal a mhuintir C. B. air thurus tre phairt de n duthaich ud, o chionn uine nach eil gle fhad air ais, agus air dha tadhal ann an tigh tuathanaich ri taobh na rathaid dh’iarr e deoch, ann am Beurla. Dh eirich boirionnach a bha stigh a thoirt da an ni a dhiarr e. Bha sean-bhean na suidhe taobh thall an seomair, agus ars ise, ann an sar Ghaelic, “Faighnich dheth an gabh e deoch bhainne.” Nuair chuala an Gaidheal bochd a Ghaelic ’s e air ainiul, thug e chridhe leum le toileachadh ’s air ball fhreagair e an Gaelic, “Gabhaidh ’s mi a gabhas agus taing do’n te a thairgeadh doth e.” Thuair e sin, is biadh is cuid na h-oiche agus gach caoimhneas eile a b’ urraim iad a nochdadh da a thaobh gum a Gheadheal e a thuigeadh ’s a labhradh Gaelic. Rinneadh an t-oran a leanas le Iain Mac Mhurchaidh ’nuair bha e fo’n choill ann an Carolina ri am Cogadh America: FONN:—Tha mi sgith ’n fhogradh so, Tha mi sgith dheth an t-strith; Se an tim dhoruinneach. Ged a tha mi fo’n choille Cha’n ’eil coire ri chomdach orm; Tha mi sgith, &c. Mi air fogar bho fhoghar Deanamh thighean gun cheo annta. Ann am bothaig bhig bhanaich Cha d’ thig caraid dha ’m fheoraich ann; Ach na’n robh mi n Cintaile Gheibhinn cairdean ’s luchd-eolais ann. Ach na’n tigeadh Cornwallas Sinn a gluaiseadh gu solasach, Gu sgrios thoirt air beisdean A thug m’ eideadh ’s mo storas uam Thoir mo shoiridh thar linne, Thun a ghlinne ’m bu choir dhomh bhi; Far am minig a bha mi ’G eisdeachd gairich laoigh og aca, Sios ’a suas troimh Ghleann-seile. ’S tric a leag mi damh croic-cheannach. Thoir mo shoiridh le durachd Gu Sgurr-Urain, ’s math m’ eolas ann. Gur a tric bha mi dluth dhi ’G eideachd udlaichte cronanaich: ’S do ’n bheinn ghuirm tha mu coinneamh Leam bu shoillear a neoineanan. Thoir mo shoiridh le caoimhneas Gu Torloisich nan smeoraichean. Far ’m bu tric mi mu bhuideal Mar ri cuideachda sholasach. Cha b’e an t-ol bha mi ’g iarraidh, Ach na b’fhiach an cuid oranan. C. C. Strathalba, P. E. I., Dec. 20, 1893. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air an laimh daonnan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 195] [Vol. 2. No. 26. p. 3] Na Gnath Fhacail. LE IAIN. A h-uile rud a theid ’ian lion ’s iasg e. Cha ’n ’eil ni air an t-saoghal anns nach ’eil feum, nam b’ aithne dhuinn feum a dheanamh dheth. Ach tha cuid ann a gheibh feum do gach ni a chi iad; agus tha cuid eile ann a mhiannaicheas gach ni a chi iad, ged nach biodh fios sam bith aca ciod am feum a dheanadh iad dheth. A lion beagan is beagan, mar a dh’ith an cat an sgadan. Tha a’ chuid mhor de nithean an t-saoghail so a’ dol as an t-sealladh beag air bheag. Tha ar n-uine ’falbh gun fhios gun fhaireachadh dhuinn, a chionn nach ’eil sinn cho curamach mu na h-uairean agus mu na mionaidean ’s bu choir dhuinn. Ma gheibh ana-miannan na feola greim oirnn, ithidh iad suas sinn a lion beagan is beagan. A reir do mheas ort fhein, measaidh cach thu. Cha tig an latha, agus cha chian an trath a bhios meas aig daoine eile oirnn, mur bi meas againn oirnn fhein. Ma ’s math leinn measg a bhith againn oirnn fhein, feumaidh sin a bhith ’smaointean air nithean measail, a bhith labhairt mu nithean measail, ar lamh a bhith ann an obair mheasail, agus a bhith ann an cuideachd dhaoine measail. Mar is trice, cha mholar na daoine aig am bi meas orra fhein idir. An uair a dh’iarras duine suarach oirnn a dhol a steach do ’n t-seomar-oil comhladh ris, ma dhiultas sinn a dhol maille ris, cainidh e sin. A’s t-Earrach, an uair a bhios a’ chaora caol bidh am maorach reamhar. Ann an riaghadh glic a’ Chruithfhir tha a shuidheacnadh agus a ghe fhein aig gach creutair. Tha amannan soirbheachaidh aig na creutairean a’s isle anns a’ chruthachadh, cho math ris na creutairean a’s airde a th’ ann. Tha na nithean a dh’ ulluich Dia air ar son, a’ tighinn do r n-ionnsuidh agus a’ deanamh feuma dhuinn, an uair a tha sinn anns an t-suidheachadh anns an d’ orduicheadh dhuinn a bhith. Tha an gnath-fhacal so mar an ceudna a’ teagasg dhuinn gu bheil cuid dhe ar beathachadh ri tighinn as an fhairge. An uair a bhios toradh na talmhainn gann, ar ner mi-fhreagarrach air son beatha do’n duine, is coir do’n duine oidhirp a thoirt air a bheathachadh a thoirt as an fhairge. Anns na bliadhdachan a dh’ fhalbh bha barrachd de dhaoine bochda na duthcha a’ tighinn beo air maorach a’ chladaich na bha ’tighinn beo air feoil nan caorach. A’ greasad an eich ’n a fhallus. Ged nach ’eil anns an each ach an t-ainmhidh cha bu choir a bhith trom air an uair a tha e ’deanamh cho math ’s ’is urrainn e. Tha cuid ann, agus ged a bhristeach an luchd-muinntir an cridhe ag obair dhaibh o mhoch gu dubh, cha bhi iad riaraichte leis na nithean a dh’ obair dhaibh. Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB V.—Air a leantuinn. Tuilleadh fos; iadsan uille nach coimhead an Creidimh agus deadh choguis ni iad gu cinnteach long-bhriseadh. Dh’fhas Tomas agus Ceann-Cruaidh neoshocrach—chiadh iad suas dh-ionnsuidh a chlar—uachdair, agus labhair iad comhlath mu thimchioll taisbeanadh an Tighearna Chriochnaich Ceann-Cruaidh le bhi gradh “Feudaidh a bhi Feudaidh a bhi.” Choimh-neartich a’ bhriathran teagamhan Thomais, air leithid de dhoigh, ’s an uine ghearr gu’n cual e ann a fiuran gach tonn na briathran, “Feudaidh a bhi” Sheol iad le gaoth fhabharaich fad na h-ath sheachduin. Bhuanaich Criosduidh ann bhi fas ann an gras agus ann an eolas an Tighearna; bha chairt-iul agua leabhar na Beatha ainmig as a lamhan; sguabh e ’n ghloine-amhairc agns, iomadh uair re an latha, thug e suil air a chompaisd. Dhearlaich e na maraichean am beatha a chaitheadh gu stuama, gu cothromach, agus gu diadhaidh, agus rinn e cinnteach iad nach eireadh dosgainn do’n t-Soitheach. Na ’m fhiosrach e gu robh cuid de na maraichean teagmhach ma theachd an Tighearna bhitheadh e neo-fhoiseal. Air feasgar araidh, bha iadsan a bha teagmhach nan seasamh comhla aig toiseach an t-soithich—nuair chunnaic iad bata cuir le gaoith beagan an ceann orra. Bha seann duine na shuidhe ’sa ’n deireadh, le ghairdeanan sinnte mach a giudhe comhnaidh. Thilg Tomas, nach de chuir a comhairle ri neach air bi, ceann ruip thuige—air na ghreimich e le luathas do—chreidsinn air son aon co aosda thog iadsan bha cuir an teagamh, air dhoibh bhi cruinn comlath, steach do’n soitheach e—chaidh am bata leigeil fa sgaoil. Nuair thainig a seann-duine air bord—oir se so a b’ainm dha—cosad ainneartach—mar gu’n reubadh e na mhirean. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. Leighsidh Minard’s Liniment cnatan. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 196] [Vol. 2. No. 26. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 30, 1893. Cha’n eil teagamh nach bi a bhliadhna tha nis a criochnachadh iomraiteach ann an eachdraidh an t-saoghail ’sna linntean ri teachd. Bha rioghachdan na Roinn Eorpa gle anshocrach fad na bliadhna ged nach robh cogadh ann idir. Bha’n Fhraing ’san Eadailt a sor-atharrachadh an luchd-riaghlaidh, cha luaithe bhiodh aon duine air an stiuir na dh’ fheumadh e ’fagail agus rum a dheanamh do neach eile. Bha stri mhor anns a pharlamaid Ghearmailteach toiseach na bliadhna; a phairtidh rioghail a feuchann ris an armailt chogaidh, a tha cheana tuilleadh us mor, a dheanamh na bu mho, agus ged a thug cairdean an t-sluaigh ionnsaidh laidir air an achd sin a chumail o bhi na lagh, chaidh neart thar ceart agus tha barrachd shaighdearan anns a Ghearmailt an diugh na bha innte riamh roimhe, agus cis nas truime air an t-sluagh air tailleabh sin. Anns a pharlamaid Bhreatunnach thug Gladstone ionnsaidh air Fein-Riaghladh a thoirt a dh’ Eirinn, ach chuir na Morairean stad air. Bha cogadh beag aig Breatuinn ann an Africa, agus mur robh cogadh aig an Fhraing ann an Siam, ’sann a chionn nach leigeadh, rioghachdan eile leatha. Cha robh feill riamh ann an duthaich sam bith a choisinn uiread aire ri Feill an t-saoghail ann a Chicago air a bhliadhna so. Bha’n fheill so air a cumail mar chuimhneachan air Columbus agus air an turus-cuain a thug e air an d’fhuair e America. Ann an greadhnachas agus ann an saoibheas thug an fheill barr air cruinneachadh a chunnaic an saoghal riamh. Rinneadh call mor air muir re na bliadhna. Bha stoirmeannan mora ann ris na chaill moran dhaoine treuna am beatha. Chuir call na Dorcas leis na bh’ air bord gruaim air an eilean so. Agus chuir call na Victoria le corr us ceithir cheud duine crith air feoil na chuala mu dheibhinn. A bharr orra so bha call mor am measg measg shoithichean beaga. Cha robh a bhliadhna so na bliadhna shoirbheachail do mhuinntir nan Staitean Aonaichte; tha timeannan cruaidhe aca ’san duthaich sin agus ’sann a sior dhol na’s cruaidhe tha iad. Tha sinn an dochas gum bi leasachadh air cuisean an uine ghearr; mur leasaich bidh an sluagh bochd air an droch charadh. ’Nuair a bheir sinn suil air ais ’sa chi sinn na thachair re na bliadhna chi sinn gu robh an duthaich againn fhein a soirbheachadh gu math, agus ged tha sluagh ann an duthchannan eile a fulang le fuachd us acras, gun fhios aca ’n diugh am bi greim ri ith aca maireach, tha sinn ann an Canada am mealtuinn pailteas agus ’ga mhealtuinn ann an sith. Tha bhliadhna ochd ceud deug ’s ceithir fichead ’sa tri deug gu teirgsinn. Tha Bliadhn’ Ur a tighinn, agus ’se guidhe a MHAC-TALLA gu’m bi i na bliadhna shona agus shoirbheachail do na Ghaidheil anns gach cearna dhe’n t-saoghal ’sna thuit na crannchur. Tha e guidhe gu h-araidh gu’m bi sith, sonas agus soirbheachadh leotha-san a tha deanamh uaill as gur-a Gaidheil iad, agus a tha deanamh an dichill air cainnt agus cleachdaidhean an sinnir a chumail air chuimhne, muinntir aig a bheil baigh ri tir an fhraoich ’s ris na laoich chalma dha ’m bheil an tir sin na dachaidh. Tha sinn an dochas gu’n lean iad air a bhi cho dileas dha’n duthaich ’s dha’n canain ’san am ri teachd ’sa bha iad ’san am a dh’ fhalbh, agus gum bi an aireamh a sior dhol am meud. Tha moran Ghaidheal anns an duthaich so nach eil a deanamh uaill sam bith as a bhi de shliochd nan sonn, agus nach eil a deanamh strith sam bith ri bhi cumail suas cliu an cinnidh, ach tha sinn an dochas gu’m bi suilean na feadhnach sin air am fosgladh, agus gu faic ’s gu’n tuig iad gur fhiach canain agus cliu nan Gaidheal a bhi air an cumail air chuimhne. A Amhainn Dhennis. Tha Nollaig a nis seachad—an t-am bhitheadh aoibhneas agus cridhealas na’r measg, ach am bliadhna bha a againn an an so bron oir bha an “teachdair gun truas” air chuairt agus ann an aon seachdain dh’ fhag e aite falamh ann an tri teaghlaichean agur cridheachan goirt nan deigh. Tha sinn feitheamh le foighidinn ri eachdraidh an Urr. Ruairidh Macilleod ma thurus gu tir nam beann. Tha “na gnath-fhacail” aig “Iain” cordadh ruinn taghta math agus tha mi an dochas gum bith iomadh latha fathast mu’n teirig naighechdan dha. Bu math leam crathadh—lamh a thoirt do uile luchd-leubhaidh a MAC TALLA agus BLIADHNA MATH UR fhailteachadh orra ach tha mi d’ an bharail gu bheil iad nis cho lionmhor agus gu’m bitheadh mo lamh gu’n feum iad uine, or cha’n eil na feithean idir cho laidir sa bha iad an gairdean President Lincoln nuair a chrath e lamhan nan tri mile saighdear leonta agus an deigh sin, a leigeal fhaicean nach robh e sgith rug e air tuaigh agus thug a faram air gearradh connaidh. X. Y. Z. Dec 27mh ’93. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. H. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 197] [Vol. 2. No. 26. p. 5] COMHRADH EADAR AM MAIGHSTIR SGOILE AGUS CALUM POSTA. (A Cuartair nan Gleann.) MAIGHSTIR SGOILE.—Tarruing do cheum a Chaluim, cha fhreagair do ghillean na Banrinn, a bhi cho maimealach leisg; tha thu fad air deireadh an diugh. CALUM.—Tha, s’ann agam a tha fhios, ach na’m bitheadh mo mhaileid air do dhronnaig sa agus d’ anail a’ d’ uchd, mar thachair dhomhsa cha bhitheadh tu cho ealamh gu achmhasan a thoirt don t-seann Phosta. M. SG.—S’ann da rireadh a tha mi. So So tarriung ort,—bha gille beag a Bhaillidh an so o cheann da uair a feitheamh ort, thug e cheardach air a sheideadh a bhuilg a dh’ fhuchainn blas a chur air fhein, ach ’s mor m’eagal gu’n deachaidh e dhachaidh. CAL.—Ma chaidh maith dha, tha mo bhalgsa cho mor air a sheideadh ri aon bhalg ceardach san duthaich. Ged ro am baillidh fhein an so agus am ministeir comhla ris, gun tighinn air gille na brigise buidhe; cha robh comas air. M. SG.—Ma ta on a thachair dhuit ainmeachadh bha ministear an so cuideachd—chaill e fhoighidinn agus chaidh e dhachaidh cha robh e idir toillichte. CAL.—Nach robh ’s neonach leam sin. ’S iomadh latha thug daoin eile breabadh an sailtean aig ceann na h-eaglais a feitheamh ris an duine coir ’s gun a chridh agad fhein ged is seorsa do phears eaglais thu a radh ris gum b-olc, agus a thaobh fhoighidinn a chaill e is suarach an ulaidh i dha-san a dh’amaiseas oirre; bha i gu maith air a caitheamh. M. SG.—So, So, fosgail do bhroilleach s’ thoir dhomh na litrichean. CAL—Mo Bhroilleach Fhir mo chridhe chaidh e bhuaithe sin a nis, cha deachaidh cliabh moine riamh air mo dhronnaig cho trom ris a mhaileid uir so. M. SG—Maileid a Chaluim? CAL.—’Seadh Maileid, no sac ma s’ e is fearr a thuigeas tu, sac eich ’s cha shac air son criosduidh. Cha b’ionann s an leobag bheag leathraich a b-abhaist a bhi agam le sreing ma Muineal, cho soirbh na giulan ri aon spliucan tombaca chuir duine riamh n a phoca, ’s ged nach robh moran litrichean innte bha iad luach-mhor. Ceir uasal dhearg orra cho cruinn leathann ri bonn cruin, tri no ceithir air son a mhinisteir agus leobag bheag an ceann gach raithe air son a cheannaiche bhain, agus da rireadh b’fhiach e a pris, bhraoisg fhaicinn a chuireadh e air ga leughadh. Chunnaic mi sinn a tarruing barrachd airgid air son tri litrichean ’s an am sin na ni sinn a nis air son carr cum sin, de n seosa ur a thug mi duigh leam, cailc nuadh air a h-uile aon duibh paighte air clar gach aodain duibh, agus air son phaipeirean na dheach, cha n eil balach a thug foid moine fo achlais do n sgoil an duigh nach faod paiper naidheachd a thoirt daichaidh n a aite. Cha n fhoghnadh an t seann fheadhainn, ach fear ur, fear Gaidhealach ma s fhior, Cuairtear nan Gleann, ach chan abair mi tuilleadh, sin agad a mhaileid ’se fichead litir agus cuid dubh air son feadhainn nach d fhuair litir riamh. M. SG.—Fuiribh air ur nais gus an seorsaich mi na litrichean—cha n fhaodar laimh a chur air a h-aon duibh. CAL.—Cha chuir sinne corrag orra, ach faodaidh an cat amharc air an righ. Co dha tha i sid na h-uile litir air a cul cho reamhar gharbh ri m ludaig s cho cam ri iomaire n amadain, stad fhuair mi e. “Donald McLucas, Esquire,” Shooter of Wild Beasts, Big Craig. Esquire. Thug so barr air na chunnaic mi riamh. Ach co i so Miss Christiana Mac O Shenag, Old Wife’s Point, Mull. ubh, ubh, ubh, co i so. Feuchaidh so riut fhein ge h-eolach thu an aithe dhuit i Old Wives Point Sin aite nach cuala mise ri m linn no fear eile romhan. O! Bheurla, Bheurla. Mar tha i tolladh a stigh. M SG.—Nach cum thu do theanga Chaluim an e nach aithne dhuit i, Cairistiona mhor aig Rudha na Caillich. CAL—Rudha na Caillich! Old Wife’s Point! Mo chreach, mo creach. Cait an stad so ’s culaidh spuirt so gun teagamh, ach stad tha mi tuigsinn co bh-uaithe tha litir Cairistiona, Cuiridh mi geall gur e bodach na brigise cainbe bha ’g iasgach nan Cruban s nan giomach air son an t-Sasunnnaich mhoir sa chaisteal a dh fhag a chleibh sa lin ann an tigh Cairistiona ach tha i mach a cladadh s bidh greis mun ruig an litir i. M. SG.—Uist a Calum air neo cuiridh tu fhein us mise mach air a cheile s cha bhi sin freagarrach. CAL.—Cha chuir gu dearbh cha chuir b’e sin an ordag an aghaidh na glaice. Mise bhi stri riutsa. So agad Eoghan figheapair ag iarridh litreach. Eoghan. Feuchaibh am faic sibh te air mo shon o sa bho Ailein mo mhac s fhad o na chuala mi bhuaithe. Bha e ann an Sasnnn nuair a thainig an te mu dheireadh. S tha mi fo mhor iomaguin. M. SG.—Tha i ann an so Eoghain. Am fosgail mi i. EOGH.—Ciod eile fhir mo ghraidh nach sibh fhein mo pheann sa ’s mo shuilen. M. SG.—Tha e slan, fallain gun dith gun deireas, agus gu dearbh se fhein aig am bheil an gnothach ri sgriobhadh. An gille gasda, tha sodan orm litrichean cho poncail cheart agus laimh sgriobhaidh cho eireachdail bhuaithe. Fuirich an deigh chaich agus leughaidh mi air fad e. EOGH.—So agaibh na dh-fhuasglas i. Reic mi n. Coileach ruadh ri Cailleach nan uibhean sar leam gur e tri sgillean deug s bonn a se bha n te mu dheireadh a thaining. M. SG.—Cum d airgoid ad sporan Eoghain, cha ne’eil dad ri phaigheadh dh fhalbh an latha sin agus thanig riaghaithean a’s fhearr. (Ri leantuinn) Cum Minard’s Liniment ’san tigh. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 198] [Vol. 2. No. 26. p. 6] AN CLAG BALBH. Cha’n eil air an t saoghal ach aon chlag a tha tuilleadh us mor air son fuaim a thoirt as. Tha am fear sin ann am Moscow, baile mor a bha re iomadh linn us bliadhna na cheanna bhaile aig na h-Iompairean Ruiseanach, agus a tha ’n diugh ’na bhaile cho mor ’s cho briagha ’sa bha e riamh ged tha ’n teaghlach rioghail agus luchd riaghlaidh na duthcha an deigh fhagail. Tha daighneachd mhor ann am Moscow ris an abrar an Kremlin, agus duine sam bith a dh’fhagas Moscow gun an Kremlin fhaicinn, tha e ’ga fhagail gun fhios aige de chaill e. Tha ’n daighneachd mhor so iomraiteach ann an eachdraidh agus tha deigh mhor aig muinntir a bhi dol ’ga amharc as gach cearna dhe ’n t saoghal. Tha i lionadh corr us da cheud deug acaire fearainn, tha ochd tuir dheuga a stri co ’s airde, tha na ballachan a tha ceithir-thimchiol oirre tri fichead troidh o bhonn gu mullach, agus gheobhar a stigh troimh choig geataichean, ’s gach fear dhiubh cho laidir ’s cho briagha ’sa thigeadh dhaibh a bhi ’na leithid a dh’aite. Tha fear dhe na geataichean sin ris an canar Geata ’n Fhir-Shaoraidh; bha e air a thogail ’sa bhlaidhna 1491, bliadhna mu’n d’ fhuair Columbus America. Faisg air a gheata so tha Tur Ivain Mhoir. Anns an tur so tha moran chlag an crochadh, tri deug air fhichead air fad. Tha ’m fear a’s mo dhiubh tri fichead tunna ’sa ceithir a chudthrom, agus tha na dha a’s lugha air an deanamh air airgiod, agus tha’n gliongarsaich anabarrach binn. Aig bonn an tuir so tha clag na’s modha na gin de chach as nach d’thainig gliong riamh. Tha e da throigh a thiuighead, tri fichead troigh ’sa h ochd mun cuairt, ’s sia troighean fichead a dh’ airde. Goirid an deigh dha bhi air a thilgeadh an toiseach, thuit e as an aite ’n robh e ’n crochadh agus bhrist e. Chaidh a thilgeadh an darra uair ’sa bhliadhna 1654, agus chrochadh suas e fichead bliadhna ’n deigh sin. Ach thainig an teine rithist, loisgeadh an tigh, thuit an clag agus sgealb e na phiosan ’sa bhliadhna 1706. Mu cheithir fichead bliadhna ’sa deich chuir a Bhan-Iompaire Anna mu dheaghainn an clag a thilgeadh aon uair eile. Rinneadh sin le moran greadhnachais. Bha bhan iompaire i fein sa chuid bu mho dhe na h-uaislean a lathair agus chan fhoghnadh leotha ach or us airgiod us aireamh mhath de clachan luachmhor a chur am measg an stuth dhe’n robhas a deanamh a chluig. Ach mo chreach! cha d’ rinn an t or ’san t-airgiod ’s na clachan luachmhor ach an clag a thur mhilleadh; ’nuair a dh’fhuairich e cha robh ceol no binneas ann agus uime sin cha deach a chrochadh. Chaidh tigh a thogail uime a chumail fasgaidh, ach an ceann aireamh bhliadhnachan chaidh an tigh sin na theine, ghabh an clag teas, agus thainig sgealb as. Tomhaisidh an sgealb so aon tunna deug agus tha ’n clag a coimhead gu math bearnach as a h-aonais. Fad ceud bliadhna ’n deigh sin bha e air fhagail air an talamh, gun churam sam bith a ghabhail dheth, agus bha e sior dhol fodha gus na smaoinich an t-Iompaire Nicholas, ’sa bhliadhna 1836, go’m bu choir suil a thoirt air. Thog esan e agus chuir e air bun carraigh e ’san sgealb a dh’fhalbh as na laidhe ri thaobh. Tha e ’na shuidhe an sin air an latha ’n diugh, an clag a’s modha ’s as modha chosg a tha air ur uachdar an domhain, ach tha e cho balbh ri claich, agus cho beag feuma ri uiread de sheann iarunn. Chaidh mise leigheas de’n loimidh le MINARD’S LINIMENT. ANDREW KING. Halifax. Chaidh mise leigheas de’n chuing le MINARD’S LINIMENT. LT.-COL. C. C. READ. Sussex. Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich le MINARD’S LINIMENT. C. S. BILLING. Markham, Ont. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 199] [Vol. 2. No. 26. p. 7] IAIN MAC CODRUM. Bha Iain Mac Codrum, ris an abrar ain Mac Fhearchuir, beo ann an linn Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Bha e ’na bhard’ do Shir Seumas Mac Dhomhnuill a dh eug anns an Roimh. Bha Mac Codrum ainmeil airson a dheagh Ghaidhlig agus bha e ’na chleachdadh aige ’bhi cluich air na facailibh aig an rodh da chiall. Nuair a bha Seumas Mac a’ Phearsoin a’ tional sgeulachdan Oisein, thachair e air Iain Mac Codrum ged nach robh fios aige gu ’m b’e am bard a bha ann. Chuir Mac a’ Phearsoin a’ cheist so air “Am beil dad agad air an Fhein?” fhreagar Mac Codrum “Cha’n eil, ’us ged a bhithead cha ruiginn a leas iarraidh nis.” Cha do chord so ri Mac a’ Phearsoin agus dh-fhalbh e gun an corr a radh ris. Tha e air a radh gu’n deachaidh Alasdair Mac Mhaigstir Alasdair aon uair a dh fhaicinn Iain. “An aithne dhut Iain Mac Codrum?” ars Alasdair. “Is aithne gu ro mhath” ars Iain. “Am beil fios agad am beil e ’staigh?” Ma ta, bha e ’stiagh nuair a bha mise, agus cha d’ rinn mi ach tighinn a mach.” “Caithidh mi an oidhche nochd maille ris ma’s abhuist aoidhean a bhi aige.” Tha mi ag creidsinn nach bi e falamh dhiubh ma bhitheas na cearcan a’ breith,” a dianamh cluich air an fhacal “aoidhean.” Bha e aon uair air turus mara agus chaidh am bata ’steach do phort Thobar-Mhoire ann am Muile. Thainig muinntir a’ bhaile a nuas gus a’ chladaich, a dh-fhaicinn ciod e am bata a thainig gu port. “Cia as a thug sibh an t-iomram a’ ghillean?” arsa fear de na Muilich. “As na gairdeanan” ars’ Iain. “An ann bho thuath a thainig sibh?” dh-fhoighnich feat eile. “Cuid bho thuath agus cuid bho thighearnan” ars am bard. Cha robh a chuid orain riamh air an clodh-bhualadh ach aon no dha a bha air an cur ann an leabhar Mhic Mhaighstir Alasdair agus mar sin tha moran bardachd a rinn e, air a call. Tha moran de’n t-seanachas aige air chuimhne ann an Uidhist fathast; agus is mor am beud nach robh iad air an tional, agus air an cumail air chuimhne mu’n teid an call uile gu leir. Bha e beo anns a’ bhliadhna 1766 ach cha’n eil fios cinnteach cuin a chaochail e. Oran do’n Teasaich. LE IAIN MAC CODRUM. ’S mise chaill air geall na carachd, Bha eadar mi-fein sa chailleach. Gu’n tug i dhiom brigh mo bharra, Cul mo chinn a chur ri talamh. M’ fhuil ’us m’ fheoil thug i dhiom, Chuir i cronan am chliabh, B’e ’n droch codhail domh ’bhiasd, Gu’n robh toireachd ga diol. Chuir i boil am cheann is bu mhor i, Faicinn dhaoine marbh ’us beodha, Coltas Hector mor na Troidhe, ’S nan gaisgeach bha ’m feachd na Roimhe. Cailleach dhuathsach, chrom, chair, Bha lan tuaileis Chuir mi ’m bruailean ’s gach iall, ’S chuir i ’m fuadach mo chiall. ’S bochd a fhuair mi bhuat am foghar, ’S mi gun luaigh air buain no ceanghal, Mo cheann iosal ’us mi am laidhe, Bruite, tinn ’us sgios am chnaimhean. Bha mo chnaimhean cho sgith, ’S ged do sgathadh iad dhiom, Gu’n robh am padhadh gam chlaoidh, ’S gun traighinn abhainn le mhiad. ’S bochd an t-aite leap’ am fiabhras Dh-fhagas daoine fada, riabhach, Glagaich lag le fada ’n iargainn, Gann de dh-fhalt ’us pailt de dh-fhiasaig. Pailt de dh-fhiasaig gu’n tlachd, Chuir am bial air drochd dhreach, Deoch no biadh theid a steach A dha thrian innte stad. Do chota fas is e gun lianadh, T[?]oaan rocach air dhroch fhiaradh, Caol do choise nochdaidh pliathach, Ionan cho fad ri cat fiadhaich. Casan pliathadh gun sugh, Fo’n da shleasaid gu’n lugh, Gur pailt liagh dhaibh no lunn, Cha bhean fiar dhaibh nach lub. Bithidh do mhuinneal fada; feathach, ’S faisnichean mar chabar cleibhe, Easgadan glagach gun speirid, Gluinean ri tachas a cheile. Gluinean geura gun neart, ’S iad cho ciar ris a chairt, Thu cho creubhi ri cat, B’ fhearr an t-eug gad sgath as. A bhonaid da uiread sa b’ abhuist, Air uachdar currachd nach aluinn; Cluasan gu’n uireasbhaidh fasa, Ceann cho lom ri cre na dearnaidh. Cha b’e ’n companach caomh, Dh-fhag cho lom mi ’s cho maol, Rinn mo chom mar phreas caoil, Mar mhac-samhla do’n aog. Bithidh tu coltach ri fear misg, Gun dad ol gun aon mhir ithe, Chionn nach bi lughs nad’ dha iosgaid, Bithidh tu null ’sa nall mur chlisnich. Bidhidh tu d’shiachaire lag, ’S ceann do shithe gun neart, Ann ad ghniomh cha bhi tlachd, Na d’ chus mio-loinn air fad. Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 200] [Vol. 2. No. 26. p. 8] CUMHA. Do Dhonnachadh agus do dh-Alasdir Cauimbeal, clann Baillidh thiritheadh, a chaidh a mharbhadh ann san Spain. LE GILLEASBUIG MAC PHAIL. FONN.— Mort Ghlinne Comhann. ’N Aird nan Cros tha sgeul tursach, ’S tha sin bichiont’ ’tigh’nn ur oirnn an drast; Fhad ’s bu mhaireann na daoine Bhiodht’ a’ feoraich leinn daonnan mu ’n slaint’. An nis dh’fhalbh iad gu buileach, Ach an t-aon ’tha ’sa chunnart ’n robh cach; O, gu’n comhnadh Mac De leis Anns gach rathad ’san deid e gu brath. Gu ’m b’ iad sid na fir smearail, A bha foghainteach fearail neo-chrion A bha misneachail, dana, Is nach tilleadh roimh namhaid gun sith. Gur h-e ghiorraich ’ur laithean, Cho fior dhileas ’sa bha sibh do’n righ; ’S e bhur treine ’n am cruadail ’Chuir cho tric bhur luchd-fuath ’air bhur ti. Cait an robh ann an Albinn, Ged is iomad laoch calm’ ’tha ’san tir, Leithid Dhonnachaidh oig Chaimbeil, ’Na chomanndair an armailt righ’. Ann san Spain ’s e toirt ordaigh, Chuirt’ gach ni mar bu choir ann an gniomh, B’ fhear a leanadh an ruaig e, ’Se nach tilleadh romh fhuathas san strith. Ghabh do naimhdean sar bheachd ort Ann an toiseach a bhaiteil ’dol sios; Bha iad faireil sgad chuallach Mar gu ’m bitheadh ann buachaille dion’; Ghabh iad cothrom gu h-uaigneach Air tighinn mu’n cuairt dhuit a risd. Le neart fudair is luaidhe Gus ’n do rinn iad do bhuaiadh fo ’n chich. Thuit thu ’n sin, ’s gu ’m be ’n diubhail, Bha na Gaidheil fo thursa ’nad dheigh; ’S fad’ a chluinnt’ iad a gairich, ’S iad mar uain ’bhiodh gun mhathair air threud: Aca fein a bha ’n riasan, Chaill iad urrainn gu’n tiarnadh bho bheud; Dha ’n robh comhairle ’s riaghailt, Moran tuigse ’s deagh chiall air a reir. Cha be measa Gilleasbig, An am cruadail ’s e sheasadh ri feum; Is aig Admiral Nelson Gu ’n robh moran de mheas air thar cheud, ’S glan a dhearbh e a ghaisge ’Nuair a chuir e ’suas battri leis fhein, ’Se a ’giulan ’na achlais Na chuireadh fo shac da fhear dheug. ’N uair a fhuair thu na canain Chur ’san ordagh ’bu mhath leat gro feum; Chuir sibh seisd ris a bhaile ’S thug sibh air tigh’nn gu h-ealamh fo gheill. Ghabh thu dh’ ionnsidh do luinge, ’S gu ’n do chuir thu mach fuil air do bheul; Leis mar sgain thu do chridhe, ’S truagh a dh’ fhag thu do chinneadh ’ad dheigh. Tha Minard’s Liniment math do’n fhalt. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Nollaig Chridheil! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son na Nollaige. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Sidni, Dec. 9mh, 1893. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 201] [Vol. 2. No. 27. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARY 6, 1894. No. 27. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. Tha ’n grippe air tighinn rathad Shidni a rithist. O’n thainig a bhliadhna 1894 a stigh tha’n t-side gle bhriagha, cho briagha ’sa dh’ iarramaid. Thainig uisge trom oidhche Dior-daoin a thug air falbh roinn mhath dhe’n t-sneachda. Chaidh corr us muillein tunna guail a chur a mach a meinnean Cheap Breatuinn air a bhliadhna s’a dh’fhalbh, barrachd sa chaidh a chur asda an aon bhliadhna riamh. ’Se gaol an airgid freumh gach uilc, ach cha’n e ’gaol an airgid a tha cur dragh oirnne idir ach cion an airgid. Mur biodh cion an airgid oirnn, cha chluinnte sin toirt iomradh air eadar dha cheann na bliadhna. Tha soitheach beag seolaidh le fear Kelly aann an lamhan fear an tigh chuspuinn aig Lingan, air son a bhi ruith eadar St. Pierre ’s an Bras d’Oir gun fhios do luchd na cuspuinn. Chruinnich Parlamaid Nova Scotia Dior-daoin s’a chaidh. Tha so gu math nas traithe ’sa bhliadhna na b’abhaist dha’n tigh a bhi cruinn. Bidh Parlamaid Chanada cruinn air an 15mh la dhe’n ath mhios. Tha’n rathad iaruinn a thatar a thogail eadar Cow Bay us Louisburg na thamh; tha na daoine a ghabh an obair as laimh air toirt suas, ’s tha e air a rathad gu bheil moran dhe’n luchd-oibreach as aonais an tuarasdail. Tha moran litrichean ’gar ruigheachd a a bu togh leinn a fhreagairt ach cha’n eil e ’nar comas sin a dheanamh. Ged nach urrainn dhuinn am freagairt, faodaidh iad-san a sgriobh iad a bhi cinnteach gu bheil iad a toirt toileachadh mor dhuinn agus gu bheil sinn fior thaingeil air an son. Tha aon neach ag radh:—“Thug caraide dhomhsa ’m Mac-Talla air a bhliadhna s’o chaidh, agus a nis cha’n urrainn dhomh deanamh as aonais. Gheibh thu an sa dollar air son na bliadhna so.” Tha sinn an dochas gur h-ann mar so a their an chuile h-aon d’ar luchd-leubhaidh nuair a bhios a bhliadh’n aca suas. Tha bhreac gu math pailt am Boston. Tha moran a mhuinntir nan duthchannan so anns a bhaile sin, agus on tha moran dhiubh a tigh’nn dhachaidh an drasd, bhiodh e iomchuidh a bhi gle fhaicilleach mun tig an droch ghalair sin ’nar rathad. Theabas duin’ og a bhathadh aig an International Pier Di-haoine s’a chaidh. Bha beagan dhe’n deoch air aig an am, agus air dha fhein ’sa dh’ fhear eile bhi coiseachd air an laimhirg thuit e dh’an uisge. Thnaras a thearnadh agus be sin uile. A cheud dollar a thainig gu MAC TALLA air a bhliadhn’ uir, thainig e o Chalum Caimbeal an Kinross, Eilean a Phrionnsa. Agus a cheud ghabhalaich’ ur a fhuair e air a bhliadhna, b’e ’n t-Urr. Iain Mac-a-Phearsain, Sagart L’Ardoise, an Ceap Breatunn. Chuir co-thional St. Andrew’s ’sa bhaile so gairm air an t-seachdain s’a chaidh a dh’ionnsaidh an Urr. J. F. Forbes, an Durham, N. S. Shearmonaich Mr. Forbes ann an Sidni uair no dha agus le mor thaitneas do na h-uile bha ’ga eisdeachd. Tha sinn an dochas gu’n gabh e ris a ghairm. Chuir fear deanamh caise ann an Quebec, botull beag am broinn mulchaig a bha e deanamh, agus litir bheag am broinn a bhotuill ag iarraidh air an fhear a gleobhadh e fios o chur thuige ag innseadh c’ait an robh an cais air itheadh. Fhuair e am fios bu mhiann leis an la roimhe o cheannaich an ceann an iar Shasuinn. Tha muinntir Eilean a Phrionnsa an deigh a nochdadh gu’m bu mhiann leo cur as do’n deoch laidir gu buileach. Nuair a bha iad a taghadh fir-parlamaid air a mhios s’a dh’ fhalbh, chuireadh a cheist ris gach duine an robh e dhe’n bharail gu’m biodh e chum math na duthcha bacadh a chur air reic na deoch laidir? Bha corr us deich mile gu leth dhe’n bharail gum bitheadh, agus cha robh ach beagan thairis air tri mile dhe’n bharail eile. Bha cheist cheudna air beulaobh muinntir Ontario latha na Bliadhn’ Uire, agus thog iad an guth air rn aon doigh ’sa rinn muinntir Eilean a Phrionnsa. [TD 202] [Vol. 2. No. 27. p. 2] BHO MHARGAREE GU SYDNEY. Air an t-seachdamh la deug do’n mhios ma dheiradh an t-samhraidh dh’ fhalbh Calum ’us mi fhein air chuairt gu ruige Sydney. Thug sinn leinn each agus carbad agus ghabh sinn sios taobh Abhuinn Mhargaree gu ruige Coinneachadh nan Uisgeachan no na Forks. Thog sinn as deigh sin ar cursa suas an Abhainn Rossach, null Lake O’Law agus sios an Abhainn Mheadhonnach gus an d’ rainig sinn Baddeck. Bha ’n latha anabarrach briagha,—a ghrian a’ soillseachadh gu’r miann; na paircean feoir, grain agus buntata le’n dreach aluinn air gach taobh; gach preas ’us craobh fo bhlath agus a deanabh cubhraidh na tla-ghaoth shamhraidh ’bha ’g iathadh mu’n cuairt duinn. A bharrachd air a sin bha ’n rathad tioram, cruaidh, comhnard; bha’n t-each a bha ’gar guilain sunndach, aigeannach, gleusda agus bu ghoirid an uine gus an robh sinn a toirt ar cuil ri gleannan Mhargaree ’sa toirt beannan arda siorrachd Victoria ma’r fradharc. Bha sinn a seanachas a chuid bu mho dhe’n uine mu ailleachd ’us maise na ducha mu’n cuairt,—mu na beannan mora ’tha ’geiridh an sud ’s an so air an comhdach le coille ioma dhathach a dh’ ionnsaidh a’ bhinnein a’s airde; mu na sruthanan fonnmhor ’tha ruith tro na glinn agus a’ bruchdadh gu suigeartach, brisg-geal ma na rathaidean agus mu na h-eoin bheaga, bhoidheach a bha seinn gu ceolmhor, solasach am barrabh nan craobh. Thachair moran de Gheancaich agus de dhaoin-uaisl’ eile oirnn a bha ’g iasgach bradain ’an aibhnichean Mhargaree aig an am so. Bha na h-uisgeachan gle iosal le meud an-t-uraidh, dh’ fhag sin am bradan gann agus mar so cha robh turus nan coigreach cho taitneach na idir cho saibhir-sa dh’ fhaodadh e bhith na’m biodh cuisean’ cho freagarrach ’s is minig a bha iad. An deigh dhuinn Margaree fhagail, thainig sinn a stigh air Gleann Lake O’Law. Ge nach robh mise riamh anns an t-seann duthich, ’si mo bharail gu bheil an gleann so gle choltach ri pairt de na Garbh-chriochan. Tha e mu chuairt de thri mile air fad ach cha’n eil ach beag an cheadan slat far am mo a leud. Tha tri lochan boidheach as deigh a cheil’ ann, agus tha na beannan ag eiridh gu direach na ceudan troigh air airde ’sa tilgeadh an cuma ’s an dreach cho nadurra air an uisge chiuin aig am bonn. “Gur saol an t-suil gur ann sa ghrunnd Tha dealbh gach ioghnadh aghor, Am bun o cionn nan luibh ’s nan crann ’S na bheil ’sa ghleann ga’n arach.” ’Nuair a chuir sinn an gleann so as ar deigh, theann na beannan bho cheile agus thainig sruth boidheach na h-Abhuinn Mheadhonnach na’r sealladh. Bha na tuathanaich a toiseachadh air spealadh an fheoir; bha iad a’ gearain gu’n robh e gle aotrum le tiormaid na side, ach bha coltas gle mhath air gach barr eile. Tha aiteachan briagha aig na tuathanaich an cois na h-aibhne so, agus tha e coltach gu bheil a mhor chuid diubh gu mnath air an caradh. Is Gaidheil gu beag an sluagh; tha iad fialaidh, caoimhneil; agus ma bhios deireas air coigreach na measg, gu dearbh ’s ann aige fhein a bhios a choire. Dhirich sinn Beinn t-Sealgair trath ’s an fheasgar. Tha moran de rathad na beinne so garbh, clachach, ach tha roinn de thalamh math ann agus tha e coltach gu bheil na daoine ’tha tamh ann ro-thoilicht’ as an crannchur. Rainig sinn Baddeck mu dhorcha na h-oidhche. Chuir an dotair agus an gobhain dithis Dhomhnullach gasda ’tha fuireach anns a beaile, faillt’ ’us furan oirnn. Eadar iad fhein sa Frisealach is Mac Illeathain bha’n “tim dol seachad air sgiathan solais,” agus thainig meadhon oidhche uair gu leth na bu luaithe na bha duil againn. ’Se baile beag a th’ ann am Baddeck ach tha e fior bhoidheach. Tha e air a shuidheachadh air sliabh ’tha ’geiridh gu socrach bho thaobh meur de dh’ uisge a Bhras d’Oir. Tha’n Ceann Dearg a’ direadh suas gle ard as an uisge air an darra taobh agus tha gnuis ghruamach Washabuckt a’ tighinn an uachdar ma choinneamh air an taobh eile. Tha beannan mora na seasamh mar fhreiceadain ann an astar air a chulthabh agus a’ sealltainn sios mar gu’m b’eadh le tlachd agus curam air sgach ni ’th’aig am bonn. Is ro thoil le luchd-cuairte mios no dha ’chur seachad anns a’ bhaile so an am an t-samhraidh, agus tha tighean bordaidh cho math sa tha’ ann an Nova Scotia ri’m faighinn ann. Air an ath latha bha picnic gu bhi aig camus nan Eirionnach goirid bho na h-Eileannan Dearga. Is ann gu airgiod a chuir crinn gu paigheadh eaglais tha iad a cuir suas a rinn muinntir a pharaisd’ an crunneachadh so. Smaointich sinn bho nach cuiridh e ’bheag far ar cursa sinn gu rachadhmid ga ionnsaidh. Ged a bha ’m baite toite, am May Queen, a falbh gle mhoch anns a mhaduinn bha sinn fhein ’us feadhainn eile air bord ann an am. Bha a’ mhaduinn ciuin, soilleir agus bu taitneach da rireadh ’bhi air bord a bhaite ’gluasad sios an caol, a ghrian a’ dearrsadh ’sa dannsadh gu solasach air uachdar an uisge ’bha cho ceidh-ghorm ciuin ri sgathan. Bha piob agus fidheall air bord; thoisich an dannsa agus lean e gu caithre mach gus an d’rainig sin an Caolas Mor mu ochd uairean. Dh’ fhuirich sin ann an so mu dha uair a’ feitheamh ris a’ charbad iaruinn a tighinn bho Shydney. Ghabh sin sar bheachd air an drochaid mhoir tha tarsuinn air a chaol agus air na tigh[?] [?]daidh ainmeil sin ’tha lamh rithe. Tha so na fhior aite-tathaich aig luchd-cuairte bearteach an am an t-samhraidh. Tha glinn, srathain, beannain ’s deagh rathaidean-mora mu’ cuairt los gu’m beil e gle fhurasda do dhuine a thoileachadh a ghabheil air feadh na ducha; tha a rithisd bataichean beag ’us mora an comhnuidh deiseal leis am faod neach a dhol a’ luingearachd air feadh an loch ’sa dhol mu’n cuairt air gach rudha is eilean boidheach a tha ro lionmhor ri’m faicinn an uisgeachan a Bhras d’Oir.—Ach chaidh mi far mo chursa. Co dhiu thainig an carbad iaruinn, bhruchd an sluagh amach as agus thug iad sios orra’ dh’ ionnsuidh an uisge far an robh an da bhata-smuid, am May Queen agus am Blue Hill ’gam feitheamh gus an giulain thun an aite an robh ’m picnic. Chaidh mu sheachd ceud pearsa air bord na’m bataichean agus ann am beagan mhionaidean bha iad a’ gluasad gu reidh sunndach taobh ri taobh sios a dh’ ionnsaidh camus nan Eirionnach. Bha da bhand air bord gach bata; agus eadar an ceol ’san aighear ’s gach tlachd eile ’bh’ air a chuis, cha dug sinn moran ceill gus an d’ rainig sinn an ceann-uidhe ge’d a bha mu’n cuairt de dha mhile dheug anns an astar. Chaidh sinn air tir agus dhirich sin uchdan cas a dh’ionnsaidh an ionad anns an robh an sluagh-cruinn. Bha gach toileachadh is greadhnachas a’s gnath ’bhi ’n cleachdadh aig an leithidean so de chruinnichean ann gu pailt agus bha gach ni gu h-ordail, doigheil mar a dh’ earbainn as a cheannard thapaidh agus deagh bhuachaille a pharaisde sin—an t-Urramach Ruaridh Mac-Aonghais. Bha deich no dusan de shagairt eile a mhninntir an eilean am measg na cuideachd agus earran mhath dhe’n cuid co thionalan comhla riutha. Cha robh caomhn’ air airgiod agus chaidh an latha seachad gu ciatach. Mu shia uairean feasgar thill a mhor chuid air a Bhlue Hill. Chaidh mu choig ceud air bord agus bha sinn, gun teagamh, gle dhomhail. Bha gach cuis a falbh gu ceart gus an robh sinn a teannadh faisg air a Chaolas Mhor, nuair a chuir an eigheach “duine far bord!” gloa[?]g[?]ro gach neach a chual e. Is ann an sin a bha ’bhreisleach ’sa luasgan! Chaidh mnathan ’us clann gu caoineadh agus fir gu gluasad. Mar a biodh beagan de dhaoine agus mhnathan tapaidh ceannsalach a bha na’r measg a bha cumail rian ’us smachd air an t-sluagh, tha mi gle chinnteach gun rachaidh am bata ’chuir thairis le miad na troi-cheile a bh’ air bord anns an am. An gille mi-fhortanach a thuit amach theabas a bhathadh oir bha e mu fhichead mionaid anns an uisge ma’n d’ fhuaradh a thoirt air bord. Rainig sinn an caolas ma dhorcha na h-oidhche agus ann an tiota bha sinn air bord a charbaid iaruinn a ghuilain sinn ann an uair no dha de thim gu ruige Sydney Tuath. [TD 203] [Vol. 2. No. 27. p. 3] Rinn ar caraide Aonghas Mor agus a bhean ar beatha gu suilbhearra, cairdeil agus d’fhuirich sinn comhla riutha earran de thri latha. Fhuair sinn eolas math air roinn de mhuinntir a bhaile anns an uire sin. Bha’n acarsaid lan de gach seorsa shoithaichean agus bha moran guail ga chuir air falbh gu bailtean-mora gach rioghachd. Bha moran sluaigh air ghluasad anns an am agus bha h-uile coltas gun robh an t-airgiod paillt na’m measg. Thug sinn sgriob do Sydney Deas a choimhead MHIC TALLA. Thuair sinn esan na fhior Gaidheal mar ’tha fios aig a h-uile neach ’tha leughadh a phaipeir aige; agus ma chuidicheas Gaidheil na ducha so leis mar is coir daibh a dheanamh, cha n-eil aon teagamh agam nach cum esan suas a thaobh fhein na chuis. DOMHNULL. Tha duine faisg air Butte City, am Montana, a tha ’n deigh doigh ur fhaotainn air saoibhreas a thional. Mharbh e eireag en la roimhe agus nuair a thug e ’n sgroban aisde fhuair e measg nan clachan beaga leis an gnath le eunlaith a bhi cnamh am bidh, aireamh mhor de chnapan beag oir. Reic e an t-or agus fhuair e deagh phris air agus an sin thoisich e air marbhadh tailleadh dhe na cearcan ’s air rannsachadh nan sgroban aca. An deigh dha deich ’ar fhichean a mharbhadh, bha faisg air ceithir cheud dollar aige. Gun dail sam bith cheannaich e aireamh mhor de chearean eile agus tha e ’n duil gu’m bi fhortan deante an uine gun bhi fada. Tha Sir Robert Ball, speuradair cho fiosrach ’sa tha ann air an latha ’n diugh, ag radh, nam biodh comas againn air telegraph a chur eadar an talamh ’sa ghrian, gun rachadh fios air an astar sin ann an deich mionaidean; ach gu bheil cuid dhe na reultan cho fad air falbh, ’s ged bhiodh fios air a chur air falbh an latha ’rugadh Criosd nach ruigeadh e iad fhathast! Aig Burkesville, anns na Statean, Di-haoine sa chaidh bha duine dubh ’sa bhean air falbh o’n tigh, agus am feadh ’sa bha iad air falbh chaidh an tigh na theine agus loisgeadh gu bas dithis chloinne a dh’ fhag iad a stigh. Nuair a chuala mathair na cloinne mar a thachair dhaibh ruith i gu abhainn a bha faisg air laimh, thilg i i-fhein innte agus bhathadh i. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Leighsidh Minard’s Liniment Cranna-bhrist. Oran do Fhear-Deasachaidh a Mhac-Talla. AIR FONN:—“Birlinn bhan a’ Chubair” no “An t-sobhrach Mhuileach” Fhir a bhroillich bhain, Thu bhi slan is fallain, H-uile la gu cheann Le do pheann na dheannaibh. Failte na Bliadhn’-Uire Do na Ghaidheal runach A rinn gniomh tha fiughail— Thug e dhuinn Mac Talla. Chuir an diumhlaoch og so Sinn o chomain shonruicht’: Chum ar cainnt a chomhnadh Chuir e ’n clo Mac Talla. Sud am paipear aluinn, ’S e gu leir an Gaelic, A chainnt mhilis adhmhor; An te ’s fearr air thalamh. Cuid cha chuir ga iarraidh Tha dollar ri dhioladh; Leughadh iad e ’n iasad— Spiocairean—nach can mi. Ach tha sar-dhaoin uaisle, Bhos is thall thar chuaintean, A sheasas ri d’ ghuallainn A chur uat gach smalain. B’ aithne dhomhsa pairt dhiu, B’ eolach air an gnaths mi, ’S cha b’e ’n doigh gn fagadh Iad an gabhadh caraid. Thig Mac Talla ’m ionsuidh Ann an cainnt mo duthcha; Co nach cuireadh uidh ann? Fear gu’n diu nach gabh e. Thig e nall cho cairdeil Ann an cainnt mo mhathar; Co nach cuireadh failt air? Fear gun bhaigh nach gabh e. Ach ’Ic Fhionghain ghradhaich Dha ’m budual bhi baigheil ’S leat le durach failte S furan blath gach caraid. Thugaibh Fanear. Anns a chuil a bhios air a cur air leith air son Minard’s Liniment re na bliadhna so, bidh moran dhaoine a labhairt mu’n fheum a rinn an leigheas ainmeil sin dhaibh. C. C. RICHARD & CO. Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. BATHRA SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co Sidni, Iun, 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 204] [Vol. 2. No. 27. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IANUARY 6, 1894. Bha Mr. Gladstone ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e fhathast slan fallain, agus ag obair moran nas cruaidhe anns a pharlamaid na daoine nach eil a leth cho seann ris. Nuair a bha Gladstone fhein og bha e dhe’n bharail nach bu choir do neach sam bith a bhi na phriomhair air Breatuinn an deigh dha tri fichead bliadhna dh’ aois a ruigheachd. Theagamh nach biodh e air a bharail sin a thoirt do’n t-saoghal nan robh fhios aige gu robh e ’n dan dha fhein a bhi ’san oifig sin an deigh dha ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir fhaicinn. IOMPAIRE NA GEARMAILT.—Is ogha do bhanrigh Victoria iompaire na Gearmailte. Ia duin’ og e, fodh dheagh chliu, ach cha’n e cho math no cho glic ’s nach fhaodadh e bhi na b’ fhearr. Anns an duthaich so tha daoine criedsinn nach eil righ no ban-righ ach nan seirbhisich do’n t-sluagh, agus gu bheil iad air an cur air caithrichean rioghail air son math an duthcha bhi ghnath san amharc aca. Tha ’n t-iompaire Uilleam a reir coltais a a dh’ atharrachdh beachd. An deigh sgrioba de shaighdearan ura mhionnachadh a stigh o chionn ghoirid, rinn e oraid bheag mar a leanas:—“Tha sibh a nis an deigh mionnan a thoirt an lathair Dhe a bhi dileas dhomh sa, agus le sin tha sibh ’nur saighdearan agus ’nur companaich dhomh. Tha sibh ri bhi ’nur geard dhomhsa, agus bidh sibh air ur suidheachadh mu’n aite ’sam bi mise comhnuidh, na mo cheanna-bhaile. ’Se ur ceud dleasanas mise dhion o gach uile namhaid a stigh ’sa mach. Bithibh dileas, agus coimhnichibh gur e ur ’n onair-se m’ onair-sa mar an ceudna.” Nach ann am Breatuinn a bhiodh an iorghail, agus nach luath a ghabhadh a pharlamaid mu chul an teaghlaich Rioghail nan toisicheadh a bhan righ air labhairt mar gu’m bu leatha fein an Iompaireachd Bhreatunnach air fad agus nach robh dad na b’fhearr aig na saighdearan ri dheanamh na bhi ’ga dion o a naimhdearan. Ged tha na Gearmailtich ainmeil air son am foghluim ’san gliocais, tha e coltach gu bheil iad fad air dheireadh ann an cuisean riaghlaidh. Bha cruinneachadh mor ann an Sidni Di-ciaduinn air an t-seachdain s’a chaidh aig na Saor Chlachairean. Bha ’n lodge a tha ’sa bhaile leth-cheud bliadhna dh’ aois air an latha sin agus thainig iad fein us moran dhe’n braithrean cruinn air son an iubilee a chumail. Bha’n t-Onarach Uilleam Ros, aig a bheil ard ofig anns a chomunn a lathair agus thug e seachad oraid no dha ris na dh’ eisd na h-uile le mor thaitneas. Fhuair Iain Lackey ceannaiche bochd an Toronto, fios an la roimhe gu robh brathair mathair dha air caochladh an Wisconsin ’s gu’n d’fhag e $35,000 aige-san. Thuair e litir eile latha no dha an deigh sin ag innse mu fhear Lackey a dh’ eug an Eirinn ’sa dh’fhag $40,000 aig cairdean dha an Toronto, agus tha e ’n duil gu faigh e chuid fhein dhe sin mar an ceudna. BAS ATHGHEAR.—Dh’eug Mrs. McKeen anns a bhaile so maduinn latha Nollag. Bha i an deagh shlainnte na lathaichean roimhe sin, agus bha i ’san eaglais feasgar na Sabaid mar b’abhaist dhi. Bha i tri fichead bliadhna ’sa h-aon deug a dh’ aois. Chaidh stor a losgadh an Cow Bay an la roimhe a b’fhiach coig mile deug dollar eadar bhathar us eile. Bha deich mile dollar a dh’ airgiod-urrais oirre. Nollaig Chridheil! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son na Nollaige. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Sidni, Dec. 9mh, 1893. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. M. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 205] [Vol. 2. No. 27. p. 5] FRANCES SCLOCUM. Air bruachaibh na Susquehannah ann an America, bha baile beag boidheach d’ am b’ ainn Wyoming. Thainig buidhann de na h-Innseanaich a stigh air, chreach agus loisg iad am baile, agus mhort iad a’ chuid bu mho de na bha chomhnuidh ann. Theich na chaidh fhagail beo, agus dh’ fhag iad an t-aite. Ach an ceann tri no ceithir de mhiosan thill aon an deigh aon o na beanntaibh, agus bha iad a’ togail thighean gus an robh baile beag a suas aca rithist—ach cha d’ fhag na h-Innseanaich fhathast a’ choimhearsnachd. Bha iad a’ tearnadh an drast ’s a rithist, agus a’ mort ’s a’ creachadh nan teaghlaichean a bh’ air ur chruinneachadh—Bha aon teaghlach ann d’ am b’ ainm Sclocum, ris an do bhuin iad ann an doigh eagalach an-iochdar. Aon latha agus na fir air falbh o’n bhaile, thainig na h-Innseanaich thun an tighe. Bha stigh a’ mhathair, nighean a bha naoi bliadhna agus caileag eile bha coig bliadhna—mac a bha tri-bliadhn’ deug, agus fear eile a bha bliadhna gu leth. Bha gille og a stigh agus balachan do ’m b’ ainm Kingsley leis, a’ geurachadh sgeine. B’e cheud ni rinn na h-Innseanaich an gille so a leagadh le urchair, agus mullach a chinn a rusgadh dheth leis an sgithin a bha ’na laimh. Thug a chaileag a bha naoi bliadhna am balachan beag leatha mach air dorus-cuil. Ruag na h-Innseanaich i astar beag agus bha iomad gaire cridheil aca ag amharc oirre a’ teicheadh le brathair! Thug iad an sin leo am balachan Kingsley, agus Frances, a’ chaileag bheag a bha coig bliadhna. Bu chraiteach an sealladh sin do ’n mhathair bhochd, agus cha b’ urra dhi iomradh a thoirt air fad ioma bliadhna gun bhi sileadh nan deur. Chunnaic i Innseanach a’ tilgeadh an leinibh thar a ghualainn—a h-aon lamh aice a’ cumail a fuilt as a suilibh agus an lamh eile sinte thun a mathar, i ’caoineadh agus ag iarraidh cuideachaidh. Chaidh an t-Innseanach a stigh do’n choillidh agus b’e so an sealladh mu dheireadh dhi, ach cha deachadh e a beachd na mathar gu latha a bais. Mios an deigh sin thainig na h-Innseanaich a rithist a dh’ ionnsuidh an tighe, mhort iad an seann duine, seanair na cloinne, loisg iad air a bhalachan bu shine agus chuir iad peileir ’na chois a bha innte fhad ’s bu bheo e. Rugadh an leanabh a b oige beagan mhiosan an deigh so. ’S iomadh bruidhinn a rinn a’ mhathair bhochd air Frances, ’s iomadh barail a thug i ciod bu chor di, ach mo thruaighe! cha’n fhac ise i ni’s mo. ’Nuair a chinn na balachain agus a thainig iad gu bhi ’nan daoine, rinn iad rannsuchadh anns gach aite air son am peathar. Chaidh iad air thurus ceithir uairean, feadh Chanada agus fasaichean fiadhaich nan Innseanach, ach bha gach uile oidhirp a thug iad diomhain—cha chualas smid mu deibhinn fad thri fichead bliadhna. Anns a’ bhliadhna 1835—o chionn 59 bliadhna, bha duin-uasal de mhuinntir America air thurus feadh fhasaichean Indiana; thainig an t-anmoch air agus a chionn gu’n robh e fein agus ’each anabarach sgith, smuaintich e ’n oidhche chuir seachad ann am bothan Innseanach a thachair air. Bha’n teaghlach so air a mheas saoibhir leas na h-Innseanaich. ’Nuair a bha e greis a stigh thug e ’n aire gu ’n robh falt na mna agus a craicionn soilleir. Leis a so thoisich e air comhradh rithe, oir bhruidhneadh e cainnt nan Innseanach; dh’ inns i dha gu ’m buineadh i do na daoine geala, ach gu’n deachadh a toirt air falbh ’nuair bha i ’na caileig bhig—Bha cuimhne aice gu’m be Sclocum a h-ainm—gu’n robh i ’chomhnuidh ann an tigh beag air bruachaibh na h-aibhne Susquehannah, co mheud a bha ann an teaghlach a h-athar agus an ainmean, ach cha robh cuimhne aice air ainm a’ bhaile. Nuair a thill an duin-uasal dhachaidh dh’ innis e ’n neigheachd so d’a mhathair. Dh’ iarr ise air a sgriobhadh agus a chuir anns na paipeiribh naigheachd. Rinn e sin, ach luidh am paipeir da bhliadhna gun a chur a mach—mu dheireadh chaidh a chlobhualadh agus fhollaiseachadh. An ceann beagan lathan thainig am paipeir-naigheachd gu laimh Mhr Sclocum a bha ’na bhalachan da bliadhna gu leth ’nuair a chaidh a phiuthar a thoirt air falbh. Thug e leis a phiuthar an te a chuidich leis teicheadh, agus sgriobh e a dh’ionnsuidh a brathar ann an Ohio, an coinneachadh agus dol leo a dh’iarraidh am peathar. Bha nis an da bhrathair agus am piuthar air falbh a dh’ fhaicinn Frances—cothromach tri fichead bliadhna an deigh a giulan air falbh. Choisich iad tri chiad mile romh ’n fhasach gu duthaich nan Innseanach. Fhuair iad an bothan mar a dh’ innseadh dhoibh. ’Nuair a bha iad a’ dluthachadh air, thuirt a phiuthar ri ’brathair “aithnichidh mise mo phiuthar a chionn chaill i ionga na corraig’ agus ’s tusa a chuir dhi i le ord anns a’ cheardaich ’nuair a bha i ceithir bliadhna bh’ aois.” Chaidh iad a stigh, agus fhuair iad seana bhean air a lan-uidheamachadh a reir doighean nan Innseanach. Cha robh ni ach a craicionn agus a falt a dh’ innseadh i. Fhuair iad eadar-theangair agus thoisich iad air comhradh rithe. Dh’ innis i c’ aite ’n d’ rugadh i—a h-ainm, agus gach ni eile mu theaghlach a h-athar. “Ciamar a chaill thu n ionga?” thuirt a’ phiuthar bu shine “Chuir mo bhrathair dhiom i le ord nuair bha mi am chaileig bhig.” Dh fheoraich iad a ceud ainm dhi ach cha robh cuimhne aice air. “An e Frances e?” Rinn i gaire, agus thuirt i gu ’m b’e. B’i sin a chaid uair a chual i a h-ainm o chionn tri fichead bliadhna. Bha iad a nis lan chinnteach gu’m b’i am piuthar a bha aca, a bha o chionn fhada air chall—Bha iad lan chinnteach air gach taobh gu’m bu bhraithrean agus peathraichean iad; ach mo creich! ciod an t-eadar-dhealachadh! Bha na braithrean a’ coiseachd feadh an tighe gun chomas smid a labhairt. Bha ’phiuthar bu shine a’ caoineadh gu goirt—ach shuidh a’ phiuthar Innseanach bhochd gun deur air a suil—cha d’ thainig uiread agus tiomadh oirre. Bha i mar nach biodh daimh idir aice dhoibh! Feudar a h-eachdraidh innseadh ann am beagan fhocal. Dh’fhan i leis na h-Innseanaich a thug air falbh i gus an d’ thainig i gu meudachd—an sin phos i aon diubh. Fhuair esan bas agus phos i fear de na cinn-fheadhna aca. Tha da nighin aice a tha le cheile posda agus a’ tighin beo ann an uile chleachda nan Innseanach. Tha iad air fad tur aineolach. Cha ’n eil focal Beurla aca. Cha ’n eil fios aca gu bheil latha sabaid ann. Dh’ fheuch na braithrean iompaidh a chuir air am piuthair tilleadh leo agus a clann a thoirt leatha; bheireadh iad i ris gu bruachaibh na Susquehannah far an do chaith i tus a laithean, ach cha rachadh; bha i riamh leis na h-Innseanaich. Bha iad ro chaoimhneil rithe, agus gheall i do’n fhear mu dheireadh a bh’ aice nach fagadh i na h-Innseanaich ri ’beo. Dh’ fhag iad an sin i fein agus a cuideachd ann an staid fhiadhaich inneolaich-sliochd nan daoine crabhach a bha ’n Sasunn, a dh’ fhuiling arson a’ chredimh! Ach ged a dh’ fhag iad i air an am so bha iad a’ cur rompa tilleadh a rithist g’a faicinn. Bha iad air an cradh arson am peathar. Bha iad ris ’a chuis a chur fa chomhair ard chomhairle America, agus iarraidh nam b’e agus gu’n rachadh na h Innseanaich sin fhogradh as an an aite gu ’n rachadh fearann fhagail arson am peather agus a cloinne. Cha chualas focal riamh nu’n bhalachan Kingsley. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 206] [Vol. 2. No. 27. p. 6] AISEIRIGH NA GAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. D. B. BLAIR, D. D. 1. “Togaidh na Gaidhil an ceann Cha bhi iad am fang nas mo,” Ruisgte fo chasaibh luchd sannt, Nan truaghanaibh fann gun treoir; Bidh daoin’ a’ siubhal nam beann, Air srathaibh nan gleann gu leoir; Chithear ann mnathan us clann A’ mireadh le dannsadh ’s ceol. 2. Teichidh na caoirich ’s na feidh Nuair chluinneas iad eibh an t-sluaigh, Ruithidh ’s cha seall iad ’nan deigh ’S iad uile gu leir ’nan ruaig; Theid Ciobairean mora nan treud Nam breislich a spleuchdadh suas ’S Forsairean luinnseach, gun feum, ’Nan deannaibh a’ leum nan cruach. 3. Tha ’m fearann fada ’na thamh Gun duine gu aiteach ann; Chuireadh an sluagh as an ait Air fogradh thar saile thall; Tha caoirich mhaol-cheannach bhan Air srathaibh us aird nam beann. Us uain a’ mireadh ’s a’ leum Mu’n tulaich s am b’ eibhinn clann. 4. Far an robh soisgeul nan gras ’Ga sheirm ann an cairdeas dhuinn; Pobull a’ tional gach trath Air laithibh na sabaid cruinn Cha chluinnear ach langanaich fhiadh A’ buinich air sliabh ’s air beinn, ’S comhartaich chon air an leirg San ait an robh sailm ’gan seinn. 5. Theid cuibhlean Freasdail mu’n cuairt, Bidh ’n taobh a tha ’n uachdar shios, Us eiridh an t-iochdar suas Le ceartas bith bhuan an Triath Togar na laraichean aosd’, Na h-ionadan sgaoilt o chian, Bailtean tha fasail us faoin ’S tha nise lan fraoich us ian. 6 —Cairdean nan Gaidheal le fonn Tha nis air am bonn ’s gach ait, Cothrom gu fhaotainn do’n sluagh An deas agus tuath gun dail, Le run gun aisigear dhoibh Am fearann a chaill iad fein Nuar a dh’ fhogradh mach iad gun taing Le h-ain-iochd us ainneart geur. 7. Theid Clanna nan Gaidheal gu leir An guaillibh a cheile cruinn, Mar anns na laithibh o chein Rinn Calgach an treum, ’s na suinn A chog ri Aighriochol garg ’S ri cumhachd armailt na Roimh Le comhrag faileachdach searbh Air slios a’ Gharbh-mhonaidh mhoir. 8. Gaidheil America thall ’S a’ chlann a thainig ’nan deigh, Cuidichidh leotha san am, Mar chairdibh nach meall ’s nach [?]eig: Togaidh so ’m misneach o’n lar, Us ni iad co spairn le cheil’, A chum gum faigh iad air ais Gach coir a bha aca bho chein. 9. Slan gu robh Gladstone an aigh A’s caraid a ghnath do ’n Tuath, An t-uasal ainmeil thug barr Le ghliocas ro aid gun uaill: Deonaicheadh Freasdal nan gras Mor aois dha le slainte bhuain, Gu ceartas fhaotainn do chach Le reachd na Parlamaid nuaidh. 10. Ceud failt! air gaisgeach nam buadh An Inbhear nan stuadh aig Neis, A thionnsgail Sgeuladair nuadh; Ar durachd-ne buaidh bhi leis ’Na oidhirp a chobhair an t sluaigh An aghaidh nan uaibhreach borb, A chreach iad le foireigin chruaidh Gun chairdeas, gun truas ’nam bolg. 11. ’S le Dia an talamh ’s a lan Us chuir e sliochd Adhaimh ann, Dh’ ullaich e ’n Cruinne so dhoibh Mar oighreachd dhiongail nach gann; Cha d’ aithn e chur fo na feidh, No fhagail aig spreidh us eoin; Ach chuir e gach ni fo’n ghrein Fo riaghladh sliochd Eubh’ le coir. 12. Co a thug comas na truaigh’ Do dhaoinibh tha uasal ard Fearann a thabhairt o’n t-sluagh, ’S am fogradh thar chuan gun bhaigh? Nach b’fhearr bhi faicinn nan gleann Lan bhan, agus clann ’nan laimh, Na bruidean fiadhaich gun cheill A’ siubhal an t-sleibh le ’n al? Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 207] [Vol. 2. No. 27. p. 7] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB V.—Air a leantuinn. Ghabh na maraichean truas dheth. Ruith Dearsadh—leis mu mhiannach bhi air a mheas na fhear cul-taice—dh’ionnsuid Doctar Saor-ghras air son cungaidh-leighis, ach ’se freagradh a thuair e, “Cha ’neil cungaidh agam air son a leithid-san.” Bha Dearsadh fuidh ioghnadh agus chaidh air ais a dh’innse do na maraichean gu robh Saor-Ghras na dhuine cruaidh. Thug iad a Sean-Duine gu seomar toisich na luinge—chuir iad fa chomhair agus dh’iarr iad air bhi dheth deadh mhisnich. Nuair chuala Criosduidh uime so, dh-feorich e de Thuigse ciod bu bhrigh dha. Fhreagair esan, “Coimhidibh sibh fein ’o’n t-Seann-Duine agus a ghniomharan.” Bha Criosduid fo thrioblaid, gidheadh bha eagal air a thilgeadh a mach, gu h-araid do bhrigh gu’n d’innis Tomas dha gur e seoladair a bha ann a chaidh a long-bhriseadh a sheol iomadh bliadhna ann an “Uaill a Chuain” ach gun do bhuail i air creig, agun gu’n deach i na sgealban ’s gu robh esan na aonar air a thearnadh, ’s gu’m bitheadh e caillte mar bitheadh gu’n ghabh iad air bord e. Nuair thainig a Seann Duine thuige, bha eagal aig Timoteus roimhe, agus thubhairt e ris fein, “Tha droch thinneas a dluth-leantuinn ris an t’ Seann Duine so” gidheadh chuimhnich e air na briathran “Fuiligidh gradh na h-uile nithe, creididh e na h-uile nithe, bithidh suil aige ris na h-uile nithe;” uime sin dh-fheith e ach a faiceadh e ciod a bheireadh latha mu’n cuairt. An sin labhair an Seann Duine ris na maraichean—ann am briathran a bha min mar im, ach a bha tolladh mar chlaidheamh—agus dhuisg e teagamhan air an siubhal mu thimchioll Captean Criosduidh. Niheadh, ach tuilleadh fos, rinn e dearbht iad nach robh Babilon air a sgrios, agus gu robh aireamh mhor dhuibhsan a dh fag i, dol air an ais: Na’n tachradh soitheach ris fein a bhithead a dol dachaidh, philleadh esan gu toilichte. Cha robh na seoladairean a chuala na briathran so nis mo durachdach anns an spiorad a deanamh seirbheis do’n Tighearna; chaidh cuid co fad ’s gun dubhairt iad, “itheamaid olamaid, agus bitheamaid subhach.” Air do’n t-Seann Duin fhaicinn gu’n do rol iad a bhriathran mar grein milis fo’n teangaidh, chaidh e ceum ni b-fhaide agus chomhairlich e aramach a dheanamh, Sheas Timoteus ’na aghaidh as an eudan. Dhion na seoladairean an Seann Duine agus d-anamhiannaich iad Babilon, ach cha’n eireadh aon aca ’n aghaidh Criosduidh—gidheadh sheas iad nan paithrichean ’s na irisean a cagairsich ri cheille air a chlar-uach lar. Bha nis f[?]th nan cun ann. Nuair a chearnaich na maraichean a Seann Duine mu thimchioll Immanuel fhreagair e mar so, “Creididh mi gu’n choisich e air an uisge nuair chi mi e ga dheanadh.” Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 208] [Vol. 2. No. 27. p. 8] Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile Iadsan a phaigh am MAC-TALLA: Alasdair Mac Ceigain, Everett, Mass. Iain A. Domhnullach, Kerrowgare, N. S. Carastiona Fhriseal, Stellarton, N. S. Ailain Mac Naughton, South River Lake, N. S. Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn, P. E. I. Domhnull B. Mac Leoid, Elliots P. O., P. E. I. Tearlach Mac Coinnich, Elliots P. O., P. E. I. Seumas N. Mac Fhionghain, Earlswood, N. W. T. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrews, N. S. Alasdair Domhnullach, Thedford, Ont. A. J. Domhnullach, Dorchester, Mass. M. B. Mac Coinnich. Braigh Waipu, New Zealand. Ruaridh D. Domhnullach, Springhill, N. S. Iain Mac Coinnich, Lunnuinn, (10 air.) Mrs. Johnstone. Rowenstall, Sasuinn. Cailein Siosal, Lunnuinn, do. U. Mac Ghriogair Stoddart. do. Calum Caimbeul, Kinross, P. E. I. An t Urr. Ruairidh Mac Gilleain, Valleyfield, P. E. I. Nial Caimbeul, North Wiltshire, P. E. I. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. Domhnull Mac Illemhaoil, do. Uilleam Mac Aoidh, Little Bras. d’Or. Coinneach Mac Dhiarmaid, Ceann Dearg. Nial Mac Cuispic, Grand River. Domhnull Domhnullach, River Dennis Road. Tormoid Mac Leoid. Narrows Bheaga. Ailain D. Mac Gilleain, Valley Mills. Coinneach Mac Coinneach, River Dennis. Bean Alasdair ’Ic Rath, Sydney. Ruairidh A. Mac Coinnich, Sydney Forks. Cailein Comhnullach, Round Island. Gilleasbuig Mac Illemhoire, Horne’s Road. Alasdair Mac an t-Saoir, Canoe Lake. Raonul Domhnullach, Kempt Road. Iain Cameron, Grand River. Catriona Nic Fhearghais, New Boston. Domhnull Mac Fhearghais, Carriboo Marsh. Michael Mac Ille-Mhaoil, Beavers Cove An t-Urr. Iain Mac Phearsain, L’Artleise. Iain Ros, (clachair), Glace Bay. Eachunn Mac Fhionghain, Sydney River. Ailain Nac Amhlaidh, Kennington Cove. Samnel Mac Gilleain, St. Esperit. Seoras Mac Neacail, Beavers Cove. Gilleasbuig Mac Phail, Malagawactch. Domhnull Mac Illinneainn, Boulardarie. Tha’n t-Urr. Domhnull Domhnullach an deigh paraisde Port Hastings a leigeil dheth. Tha Mr. Domhullach na shearmonaiche tapaidh agus tha m’ paraisde ’san do shaothraich e o chionn aireamh bhliadhachan a call deagh mhinisteir. Tha sinn an dochas nach caillear e do’n eilean so, ach gu’m bi e air a shuidheachadh an uine ghoirid ann an aon de na paraisdean a tha falamh. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 209] [Vol. 2. No. 28. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-STHIRNE, FEBRURIADH 3, 1894. No. 28. Dr. G. T. Mac Gilleain, DOTAIR FHIACAL, SIDNI - - - C. B. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Mac Gillies & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN. ’Se Di-ciadinn s’a tighinn a cheud latha dhe’n Charghas. O’n dhuin an acarsaid tha carbad-iaruinn a ruith eadar Sidni us Sidni-a-Tuath tri laithean ’san t-seachdaid, ach cha’n eil e idir cho feumail sa dh’ fhaodadh e bhi a thaobh ’s nach eil fhios aig darra leth an t-sluaigh de na h-uairean air a bheil iad a ruith. Tha ’n North Sydney Herald ag innseadh gu’m facas aireamh mhor de roin anns an acarsaid re na seachdain a chaidh seachad. Tha’n acarsaid aig a bhaile sin fosgailte fhathast; tha ’n lan a tighinn a rtigh cho laidir o’n chuan mhor ’s gu bheil e bristeadh na deighe mar a reothas i. Bha seorsa de shabaid eader lucnd-daoraich ann an Aspy Bay o chionn ghoirid, agus loisg fear-eigin urchair agus chaidh am peileir an sas ann an lurga fear Dughallach a bha measg chaich. Thug an siorram a Baddeck cuairt do’n aite sin air an t-seachdain s’a chaidh a ghlacadh nan cionntach. Tha e air a radh gu bheil an trosg ’s an sgadan anabarrach pailt mu na cladaichean an drasd, na’s pailte na bha iad riamh roimhe mu’n am so ’n bhliadhna, ach tha’n t-side cho greannach ’s nach eil a dol aig na h-iasgairean air moran dhiubh a ghlacadh. Air a mhios a dh’ fhalbh, a cheud mios dhe’n bhliadhna, fhuair an duthaich so a cuid fhein an gheamhradh. Cha robh reotachd neo-obhaisteach sam bith ann ach bha stoirmeannan mora sneachda ana, a dhomhlaich na roidean ’sa chum daoine gun chothrom gluasaid. Thainig a cheud stoirm air Di-haoine an naodhamh latha deug agus thuit meall cho mor de shneachda ’s nach d’fhuair an carbad-iaruinn a dh’ fhag Sidni a mhaduinn sin air ais gu oidhche Di-luain an coigeamh latha deug. Thainig stoirm eile air an t-seachdain so a chum an carbad air ais o mhaduinn Di-mairt gu maduinn Dior-daoin. Bha na raidean mora air an aon ruith ris an rathad iaruinn ach tha iad an nis air an deagh bhristeadh agus tha comas gluasaid aig muinntir na duthcha aon uair eile. Tha muinntir Mor-roinn Nobha Scotia a toiseachadh air bruidhinn mu thaghadh bhall air son parlamaid ur. Tha a pharlamaid a tha ’n drasd na suidhe an deigh a reis a ruith. Anns an t-siorramachd so tha Mr. Mac-a-Phearsain agus Mr. Domhnullach a tha cheana stigh a dol a ruith a rithist agus tha ’n Dotair Mac Aidh agus Mr. Iain Mac Carmaic a dol a ruith ’nan aghaidh. Rinneadh iomadh bathadh o’n thainig an geamhradh le cion faicill air deigh. Tha muinntir og gu h-araidh tuilleadh us deigheil air a bhi dol a mach a cheud deigh a thig air na lochan ’s air na h-aibhnichean, ’s tha moran dhiubh air tailleabh sin a call am beatha. ’S coir do mhuinntir feuchainn ri bhi faiciollach mu ’n deigh; ’s glice gu mor dhaibh feitheamh gus am bi iad cinnteach aisde na dhol a chur deuchainn oirre tuilleadh ns luath, agus am beatha mar sin a chur an cunnart. Chaidh Lachuinn Mac ’Illeathain, fear-iuil a charbaid iaruinn a tha ruith eadar Sidni us Bridgeport a ghoirteachadh gu dona air an 28mh latha dhe’n mhios a chaidh. Ba e fuasgladh da charbad o cheile ’s iad a falbh agus thuit e fopa. Chuireadh stad orra gun dail, ach bha e air a dhroch mhilleadh mu’n d’fhuaradh e thoirt a sas. Bha a lamh air a cur as a ghuallainn, agus bhristeadh dha no tri dhe ’aisnean. Tha sinn a cluinntinn gu bheil e dol gu math na’s fhearr. Bha duin’ og am Baddeck an oidhche roimhe a coimhead air a leannan agus anns an dealachadh rug ise air daga a bha faisg air laimh agus chuir i ri ceann a ghill’ i a bagairt gu sporsail losgadh air. Ghabh esan nadar eagail agus dh’fheuch e ris an daga thoirt uaipe, ach anns an t-stri a bh’eatorra dh’fhalbh an urchair as an daga agus chaidh am peilear seachad eadar sgornan a ghille agus a chraicionn, a fagail lot granda air. Fhuaireadh dotair agus chaidh an lot a chur air doigh, ’s thug an gille ’n tigh air, taingeil na chridhe gu’d d’fhuair e air falbh le ’bheatha. Cha robh fhios aig an nighinn gu robh peilear ’san daga idir, ach saolaidh sinn gu’m bi latha ’s bliadhna mu’n cuir i daga ri ceann duine rithist. [TD 210] [Vol. 2. No. 28. p. 2] “FRECEIDEAN A CHOIRRE DHUIBH” AGUS TIGH DIGE NAN GORM-GHLAC. (Bha ’n sgeul so mu “chreich” ann an Lochaber anns na laithean a dh’fhalbh air a sgriobhadh le Mr Alasdair Mac Coinnich, fear-deasachaidh an Scottigh Highlander. Fhuair e i o Choinneach Friseal, seann duine a mhuinntir Ghearrloch.) Bha uair-eigin ann an Lochaber, fear dha’m b’ainm, Domhnull Mac Dhomhnuill Duibh—duine crosda, agus taghadh a mheirlich, agus bha brathair aige, ris an canadh iad Iain Geal Donn, agus cha robh meirleach feola ann an Alba a b’ fhearr na e ach an dara mac do Mhac Dhomhnuill Duibh. Chuir Mac Dhomhnuill Duibh fios gu tighearna Ghearloch—am fear sin diubh ris an can sinn ann a seanna-chainnt ur n-aithrichean “Alastair Breac”—gun tugadh Mac Dhomh’uill Duibh creach uaithe, agus neor-thaing dha. Se sin do bhrigh ’s gun do dh’fhairtlich air a toir uaithe roimhe. ’S ann a chuir Alastair Breac an sin fios air duine cho treum ’s air an cual e iomradh anns na tri Siorrachdan, agus be sin am fear ris an abradh iad, Alastair Buidhe MacAoidh, ann a Strath Oicill, talamh ’bha na luidhe eader Cat-thaobh agus Ros, gu bhi na cheannard Freiceadan aige, mun tugadh na h-Abraich a spreidh bho chuid tuatha, cuide ris na tharadh e fhein a dheanamh chobbair ris. Se sin do bhrigh ’s gun robh spagairean do dhaoine neo-umbhailleach aige fhein ann an Gearrloch a dheanadh cobhair ri Alastair. Smuainich Iain Geal Donn a nise, le deichnear dhaoine agus e fein, a dhol gu tuath, cho fad ri aite ris an canair, gus an latha ’n diugh, an Amailt; agur mar tha’n sgeulachd ag innse, thog na meirlich Abrach, as a sin aon mhart diag agus tarbh; agus choisich iad leis a chreich troimh mhonaidhnean Rois, agus choisich iad toimh aite, ris an canair, gus an latha ’n duidh, Stra-bhathaich; agus chaidh iad a steach air Stra-chonnan, a cumail air an aghart, ach an d’thainig iad agus gun do stad iad air an oidhche aige aite ris an can iad gus an latha ’n diugh, a Sgaird-ruadh; agus ’s iad fhein a thug an t-ainm air an aite anns an do stad iad do bhrigh ’s gun do chuir iad na bruidean thuige cho mor, ’s gur e fuil a bha iad a cur uatha dar a stad iad air an oidhche. Uaithe so a mach rothais Alastair Buidhe MacAoidh, ceannard freiceadean tighearna Ghearrloch, gun robh meirleach mor—Iain Geal Donn—air tighinn a steach an tir, le creach a Siorrachd Rois; agus mar a thuit air a chuis a bhidh cho mi-chinnteach, thachair gur e gille Abrach a bh’aig Alastair Buidhe MacAoidh; ach ghluais e gu socrach an deighe na feudail, agus an am tuiteam na h-oidhche; bha fios cinnteach aig Alastair gun stadadh na meirlich aig bothanan-airidh na Sgairde-ruaidhe; agus dar a dhorchnaich an oidhche, char Alastair Buidhe, gu seolta, anns a chromail air aruinn (fhaguisg?) nam meirleach; agus dar a bha iad mar uighe beagan astair dha na bhothan, chuir e ’n gunna ri corp a ghille Abraich aige fhein, ag cuir mionnan air gum biodh e cho dileas ris fhein, air neodh gum biodh e marbh air ball. Mhionnaich an t’ Abrach gum biodh, agus ghluais iad an sin, le cheile, air ionnsuidh a bhothain; agus chuir Alastair mionnan a rithist air a ghille Abrach, s’ e dha chur gu doras a bhothain, nach leigeadh e mach duine dheth na bha steach. Dar a rainig iad am bothan, bha na h-Abraich, gu neo-umhailleach, a rosdadh cuibhroinn dheth an tarbh. Thug an gille Abrach an dorus air, agus char Alastair Buidhe MacAoidh gu ceann a bhothain; thog e earball sgrathan, agus thug e suil gu de bha sa deanamh steach. Bha Iain Geal Donn, gu neo-mhuladach, na sheasaidh, a deanamh garadh chul-chas air fhean ris an teine. Thionndaidh e ris na fir a bha mu’n cuairt do’n teine a rosdadh na feola, agus thubhairt e riu, “Fhearabh seallaibh a mach, the mise ’faighinn faladh fudair;” agus mun do thar e ’n ath fhacal a chantainn, bha ’n luaidhe troimh na chaoldruim aige, bho na ghunna aig Alastair Buidhe. Leig e sud thuige, ’s thug e ’n dorus air, a chobhair an Abraich. Thainig na fir a a bha steach a mach, agus cha do leig na fir a bha muigh duin’ as diubh, ach aon fhear a fhuair as le altapadh; ach chuir iad sail na coise dheth an fhear sin fhein. Lean iad e ach an do ghabh iad sgios; ach cha d’ rug iad air. Thill iad an sin a d’ionnsuidh nam marbhan a bh’anns a bhothan agus dh’ith iad na bha feumail doibh do shithinn an tairbh; agus dar a dh’ith, rug iad air Iain Geal Donn, na mharbhan, agus dh’fhuaigh iad e ann a seiche ’n tairbh agus chur iad an cabar rosdaidh a bh’aig na h-Abraich tarsuinn na bheul. Dh’fhag iad mar sud e fhein sa chompanaich, marbh; agus dh’fhalbh Alastair Buidhe MacAoidh, an latha na mhaireach, gu tighearna Ghearrloch, agus dh’innis e dha mar a thachair. Chord a sheirbhis ro mhath ri Alastair Breac; ’s cha luaithe’ fhuair e ’n naigheachd, na chuir e gille-ruithe do Bhrathainn, a dh’innse do MhacCoinnich, gun deach a leithid a dheanamh air a leithid so do dhuine. Dar a rainig an sgeula Mac Choinnich, mar bha ’n gnothuich iongantach co thuit air a bhi cuide ris aig a dhiathad, ach gum be Mac Dhomh’uill Duibh. Far a leugh MacChoinnich litir tighearna Ghearloch, thilg e null gu Mac MacDhomh’uill Duibh i; agus thubhalrt e ris, “Fuil oirbh thall a sin a mheirleachaibh.” Marbhun a chuis gu dosgainneach ri Mac Dhomh’uill Duibh, cha d’fhuirich e ris an diathad na b’fhaide. Dh’fhalbh e da Lochaber; agus chuir e gillean gu ruige braighe Sthrath-chonnan, gu bothanan-airidh na Sgrairde-ruaidhe, agus thug iad Iain Geal Donn leo, gu Corpach Lochabar; ’s tha carn cuimhne air an sin gas an latha ’n diugh. Dar a fhuair MacDhomh’uill Duibh air a dhoigh ann an Lochabar, ’s ann a smuanaich e cur gu cruaidh ri tighearna Ghearloch, agus creach e thoir dheth a chuid fearainn. Dar a chual tighearna Ghearrloch so, thional e beagan (ceithir fichead fear) dheth a chuid daoine, gu cumail nan Abrach air an ais. Bha iad cuide ris fhein fad ua h-oidhche ann an seann tigh an Teampuill, mar theirte ris. Dar a thainig a mhaduinn, dh’fhalbh na fir, agus ma dh’fhalbh, gu dearbh bha’m prasgan gle neo-sgeadachail, ach bha iad calma, neo-sgathach. Cha b’fhada gus an d’rainig iad Coire Dubh Laighaich mar theirear ris gus an latha ’n diugh, agus mar a bha chuis gun chinnte, bha bothanan-airidh air urlar a Choire, agus cha robh fios aig na Gearrlaich nach robh na h-Abraich nan luidhe anns na bothanan, ri foill folaich. Cha robh fios co a reitheadh a rannsachadh an robh iad annta gus nach robh; ach thubhairt fear treun, tapaidh, dheth na bha anns a chuideachda, ris an cainte Alastair Ros, dheth an Lonmhor “Theid mise ann.” Ged a bha Alastair gle neo-sgeadasach na chruth, cha robh easbhuidh misneachd air. Dar a rainig a’m bothan, thubhairt e, an aird a ghuth, “Ma tha thu steach an so, a mhic diolain a choin, bi mach an so”; ach ma thubhairt cha d’ fhuair freagar. Mar bha chuis gu math air taobh nan Abrach, cha d’thainig iad air an aghart; agus fhuair na Gearrlaich sgeula gur ann mar so a bha, bho mhuinntir Coir MhicCromail, ann an Teireardan, aig an aon am ag innseadh dha na Gearrlaich, nan d’thainig na h-Abraich, gur iadsa na fir a dheanadh cobhair ri muinntir Ghearloch. Nuair a chual’ iad mar a bha, thill am prasgan neo sgeadasach, gun phrois, gun ghealtachd, air an ais a Ghearrloch, agus chaith iad an oidhche ann an tigh an Teampuill, aig tighearna Gearloch ag ol, sa ceol, sa ’g aidhis. Dar a bha iad a tighinn dachaidh, troimh Cheann-Loch-iugh, co thachradh riu ach Ruairidh Breac, Mac Dhonnachaidh Bhain, seann bhard a bha anns a Chromasag, ann ann Braighe Cheann-Loch-iugh, ’s rinn e ’n t-oran a leanas do “Fhreiceadan a Choire Dhuibh”:— Tigh-Dige Nan Gorm Ghlac. Oidche dhomh ’s an Tigh-Dhige Mhearanach, fhuranach, rioghail, Oidche dh’ onair mo shaoghail, A chuir mo dhorain air di-chuimhn’. Fuaim brollaich air piob ann, Cainnteach, sgoilearach, gniomhach, Coinnleach, solusach, piobach, Gheibhte solas, is fion ann ri ol, Gheibhte solas, is fion ann ri ol. [TD 211] [Vol. 2. No. 28. p. 3] Tigh-Dige nen Gorm-glac, Far am biodh miadh air luchd-falbhn, Gheibhte piob agus orghan, Urram, sith, agus seanchas, Uisge, brigheil na tairgne, Ga chuir am piscan do’n airgiod, Uath na laochanaibh meanmnach Uath lamh mhaoinich an airgiod ’s an oir, Uath lamh maoinich an airgiod ’s an oir. Lionte lan iad gun umhail, Air deagh shlainte Mhic Ian, A chraobh is airde ri h-amharc Ann an garadh an abhuil, ’S i cho laidir na ’cathair. ’S nach dean failbheirt a chathadh, Fasgadh ’s blaths ris a chathadh, Do na tharus i gheidheadh fo meoir, Do na tharus i ghleidheadh fo meoir. Mo na tha ladh dhomh ’thighinn, Do d’ thigh-tabhairn-sa ’thighinn, Chon am bi m’ ailleagan dibhe, So do dheoch-slainte s’ fhir chridhe. Taghadh an oganaich chridheil; Cuirte doigh air an fhidheil, Agus seol air an fuidheil, Is air dortadh na dibhe, Sochair solais bu tighearnail oirnne, Sochair solais bu tighearnail oirnne. B’u ceann na filidh, ’s fear-tighe, ’N am na feisde g’ a caitheamh. Bha thu treun anns gach rathad, Ann an ceill, ’s ann an tamail, Ann am foghlum, ’s an labhairt, ’S ann riut a dh’eisdeadh na maithean; Bu tu ’n dreagan nach athadh, Nuair a dh’fheumadh tu ’n claidheamh na d’ dhorn Nuair a dh’feumadh tu ’n claidheamh na d’ dhorn. ’Se do bhord a bhiodh rioghail An am poite na fiona, ’S lionmhor corn agus pise, N obair or-cheird bu daoire, S bhiodh na seoid air gach taobh dhiot, A cumail coir riut, a’s dh’fhaodadh, ’S nan tigeadh baoghall ’s an rioghachd, Bu tu sail-bhroilleach an t-Siphortaich oig ’S tu sail-bhroilleach an t-Siphortaich oig. ’S tu ’n laoch furanach, fialaidh, Bho fhrith mhullaich an fhiadhaich, Dha ’m bi aidhean ga’m biathadh, Agus greidheanan lianmhor; Chuir thu cisteachan iasgaich, Air do bhuinneachan fiona. S iomadh urram thug Dia dhuit, ’S tu b’urrainn g’an riaghladh a sheoid, ’S tu b’urrainn g’an riaghladh a sheoid. ’S tu ’n laoch urramach, ainmeil, Uath ’n tir fhuranaich, airmeil, Nach d’ fhuair di-meas, no garbheirt: Gach cis leat an Alba, Ri tim aisith, no aimhreit, Fhuair righ Shasuinn ort dearbhadh, Nach bu dual duit bhi leanbaidh, Nuair a dh’ eireadh an fhearg air do shroin Nuair a dh’ eireadh an fhearg air do shroin. ’S tu triath mheanmnach na h’eilid, Do ’m bun bein, do ’m bun coille, Do ’m bun iasg, do ’m bun eisear, Do ’m bun fiadh, do ’m bun gaodhar, Leat bu mhiann bhi g’an taoghal, Le d’ chuid giomhanach laghach. Leis ’m bu mhiannach an adharc, Ri an cliathaich ’ga faighinn, S gunna-gniomhach fo ’n fhradharc, Tolladh bhian far an taghail an ceo, Tolladh bhian far an taghail an ceo. ’Tha gach buaidh air do bhaile, Le chuid bhuacaichean geala, ’S do chuid planaigeadh ainneamh, Treobhair ard air a h-earradh Le fiodh, sgliat, agus balla; Dearsaidh ghrian troimh na ghlaine Na do sheomraichean geala, ’S bithidh eoin chainnt nam meangan. Seinn ciuil duit air crannaibh; ’S gur leat iasgach air Cearraidh, Agus fiadhach ’s a bhaile-sa sheoid, Agus fiadhach ’s a bhail-sa sheoid. Thu theaghlach urramach, teisteil, ’S an cluinnte farum nam feudan, Sa thuair barrachd am Breatuinn, Air ceol is ealan bu deise, Uath fhearabh nam fleasgach, ’S e do bhalla gu’m freagradh, Fo mheoir Iain g’a ’spreigeadh, ’S tu gun togadh le beadradh do sheoid, ’S tu gun togadh le beadradh do sheoid. ’N am bhi maoitheadh nan creachan Thoir a Gearrloch le cabhaig, ’S mise chunnaic do phrasgan, ’S cha be seorsa nan casag A bh’aig pola do bhrataich, Ach na h-oganaich ghasta, Do ’m bu chomdach am breacan, Osan gearr fo na ghartan, Agus brogan an astair, ’S gunna comhradh nan glasan, ’S claidheamh mora chinn-aisnich nan dorn. ’S claidheamh mora chinn-aisnich nan dorn. Thugaibh Fanear. Anns a chuil a bhios air a cur air leith air son Minard’s Liniment re na bliadhna so, bidh moran dhaoine a labhairt mu’n fheum a rinn an leigheas ainmeil sin dhaibh. C. C. RICHARD & CO. Minard’s Liniment ri reic ’s gach aite. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-DHALCIADH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - C. B Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 212] [Vol. 2. No. 28. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS BHLIADHNAIL - - -$1.00 Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 6, 1894. LITIR AS AN EILEAN SGIATHANCH. Fhir mo chridhe,—Tha am MAC-TALLA a’ tighinn do m’ionnsuidh gu riaghailteach, agus ged nach ’eil e ach beag ann an coimeas ris na paipearan-naigheachd a tha tighinn ugam a Duneidionn, is ann air a bheir mi lamh an toiseach, an oidhche a thig e. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mor mi-ghniomach.” Tha mi ’n dochas gu’m bi am MAC-TALLA gu math na’s mo mu’n tig crioch air a’ bhliadhna. Ma bheir gach fior Ghaidheal, araon air an taobh so agus air an taobh thall de’n chuan an iar, failte chridheil, chaoimhneil do’n MHAC-TALLA, cha’n eagal nach soirbhich leis. Bha na Gaidheil riamh ainmeil air son an caoimhneis, araon ri ri cach a cheile, agus ri coigrich. Feumaidh mi ’aideachadh gu’m b’ aithne dhomh feadhainn dhe na Gaidheil a bha cho mosach ’s nach duraigeadh iad greim de’ bhiadh a thoirt do fhear-duthcha. Ach feumaidh mi mar an ceudna a radh nach robh beannachd Dhe no beannachd ’dhaoine riamh air cinn na muinntir a bha mosach, spiocach. Cha’n eil fior Ghaidheal aon chuid ann an America, no ann an Alba, no ann an cearn sam bith eile de’n t-saoghal, a bhiodh an aghaidh dollair a chosg ri fear-duthcha cridheil, caoimhneil, a thigeadh g’a amharc. Tha mi ’creidsinn gu n aontaich luch-leughaidh a’ MHIC-TALLA gu bheil mi ag radh na firinn. A nis, an ni a bheireadh ormsa dollair a chosg ann an bith ’nochdadh caoimhneis do charaid, do dh’ fhear-eolais no do dh’ fhear-duthcha, is e a’ cheart ni a bheireadh orm dollair a phaigheadh air son MAC-TALLA ’bhith ’tighinn do m’ ionnsuidh uair ’san t-seachduin fad na bliadhna. Cha’n fhaic mi ach ainneamh fear do’n aithne mu’n MHAC-TALLA, ach fear a their, “Gu dearbh is gu firinneach, is math is airidh an Gaidheal og tapaidh, a tha ’na onar a’ deasachadh agus a’ cur a mach a’ MHIC-TALLA o sheachduin gu seachduin, air misneach agus cuideachadh fhaotainn o gach fior Ghaidheal fo ’n ghrein.” Ged a their iad so rium—agus tha mi ’creidsinn gu bheil iad ag innseadh staid an cridhe aig an am—is ainneamh fear dhiubh a chuireas a lamh ’na phocaid agus a phaigheas an t-suim bheag a tha sibhse, fhir mo chridhe, ag iarraidh air son am MAC-TALLA a chur do’n ionnsuidh fad na bliadhna. Tha e gle mhath a bhith ’moladh dhaoine, agus a’ guidhe gu’m biodh mor-shoirbheachadh aca ’nan obair; ach is mo gu mor is fhearr an durachd agus an deadh-run sin a thaisbeanas an duine bochd a chuireas dollair do’r n-ionnsuidh, agus a leughas bhur paipear grinn, gasda gach seachduin. Is e gniomh a dhearbhas co dhiubh a tha gus nach ’eil muinntir da rireadh an uair a their iad, “Tha sinn an dochas gu soirbhich leis a’ MHAC-TALLA gu mor.” Is e mo bheachd fhein air a’ chuis, ma tha gus nach ’eil mi ceart, gur e cion smaointean ’s cion toirt fa near is coireach nach robh miltean air mhiltean de Ghaidheil an t-saoghail a’ leughadh a’ MHIC-TALLA. Cuireadh gach Gaidheal a lamh anns an obair, cha’n ann a mhain le a dhollair a chur do’r n-ionnsuidh, ach mar an ceudna le bhith ’brosnachadh chaich gus an ni ceudna a dheanamh. Is iomadh Gaidheal gasda a tha fada air falbh o thir a bhreith is araich a bheireadh leith dollair air an naigheachd eibhinn mu’n bhaicear cham agus mu’n buidsear bhreac, a thug sibh dhuinn anns an dara aireamh mu dheireadh a fhuair mise de’n MHAC-TALLA. Gu ma fad beo Iain Mac Faidean coir, a thug dhuibh an naigheachd. Ged nach ’eil mi leitheach dhe na bheil agam ri sgriobhadh, feumaidh mi crioch a chur air an litir so. Tha mi a’ guidhe bliadhna mhath ur, agus moran dhiubh, araon do’n MHAC-TALLA, agus do a luchd-leughaidh air feadh an t-saoghail mu’n iath a’ ghrian. Is mi bhur caraide dileas an latha ’chi ’s nach fhaic. IAIN. Latha na Bliadhn’ Uire, 1994. Fhuair sinn iomadh litir us fios re nan tri seachdainean a chaidh seachad o luchd-gabhail a Mhac-Talla ag innseadh dhuinn nach robh am paipear ’gan ruigheachd mar a b’abhaist da. Dh’fhaodamaide radh mar a thuirt fear roimhe nach robh fhios aig duine sam bith air sin cho math ’sa bh’againn fein. Cha d’thainig am paipear a mach re na h-uine sin idir; bha ’m fear-deasachaidh tinn, agus cha robh e mar sin comasach air an obair a dheanamh. Tha fhios againn nach bi gin d’ar luchd-leughaidh ’gar ’n agairt nuair a thuigeas iad an ni bu choireach. Thig an tinneas ’nuair a’s lugha bhios a dhuil ris agus feumar gabhail ris ge be uair a thig e. Air an t-seachdain s’a tighinn thig am Mac-Talla mach ann an deise na’s fhearr na bh’air o’n chunnacas an toiseach e. Bidh barrachd leughaidh ann ’sa bh’ ann riomhe, agus bi’dh an clo glan, soilleir, air chor ’s nach bi e duilich do neach sam bith, sean no og, a leughadh. STANDARD Life Insurance Company Cuideachd Chinnteachidh BEATHA. Steidhichte an Dun-Eideann an 1825. Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.......... $109,000,000 Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000 Buanachdan air an roinn... 27,500,000 Airgiod ma seach.......... 38,000,000 Ma seach an Canada........ 8,125,500 Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith. W. H. RAMSAY, Fear-gnothuich an Canada. SEORAS Mac ILLEATHAIN, Fear-ionaid, Truro, N. S. ALASDAIR MATHANACH, Fear-gnothuich an Sidni. Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath. Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE. Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,— An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh. An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh. An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh. An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so. A. BAIN, Fear ionaid. LEABHRAICHEAN GAILIG. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 213] [Vol. 2. No. 28. p. 5] Bas an Urr. Uisdean Mac Leoid, D. D. Chaochail an Dotair Mac Leoid, Athair na h-Eaglais Chleireicheil an Canada, aig a dhachaidh anns a bhaile so, Di-mairt an treas latha fichead dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Rugadh e ann an Duthaich ’Is Aoidh, an Alba, air an treas latha fichead a dh’ April ’sa bhliadhna 1803. Bha e mar sin ceithir fichead bliadhna ’sa deich us naoi miosan a dh’aois. Bu mhac e do thuathanach Gaidhealach agus bha e air fhagail na dhilleachdan ’nuair a bha e gle og. Nuair a chaidh e do’n sgoil bha e comharraichte air son a thapachd, agus cha robh e ’sa cholaiste uine mhor ’nuair a thug e mach duais a chum ’san oil-thigh fad cheithir bliadhna. Bha e anabarrach ionnsaichte ann an Laidinn, agus ’nuair a fhuair e cead searmonachaidh ’sa bliadhna 1831 rachadh aig air oraid a liubhairt anns a chainnt sin na b’fhearr na dheanadh e am Beurla no n’ Gailig. Bha e air a shuidheachadh agus shaothraich e fad aireamh bhliadhnachan ann an tri sgireachdan Gaidhealach eadar sin us 1845, ’nuair a thainig e air a cheud chuairt a dh’ America. Bha’n Eaglais Shaor air dealachadh ris an stait da bhliadhna roimhe sin, agus chuireadh an Dotair a mach a mhisneachadh agus a neartachadh nan co-thionalan a bhuineadh do’n eaglais sin an Canada. Rinn na Gaidhil a bheatha ’s gach ait an deach e, agus shaoithrich e ’nam measg le uile chridhe; bha e mar bu trice a searmonachadh a h-uile latha a bharrachd air seirbhis dhubailte air an t-Sabaid. ’Sa bhliadhna 1848 thainig e mach air chuairt eile, agus bliadhna ’n deigh sin chuireadh gairm da ionnsaidh a Mira, agus thainig e fhein ’sa theaghlach a mach. Riamh uaithe sin gus na leagadh sios le tinneas e, shaoithrich e gu dileas air son math spioradail agus timeil an t-sluaigh, agus le mor shoirbheachadh. ’Nuair a bha ’n Dotair Mac-Leoid na neart cha robh searmonaiche no fear-labhairt ach gann a thigeadh suas ris. Bha guth laidir, fallain aige, agus bha a sheanchas a ghnath pongail, ordail. Bha e cho fileanta, sgairteil, ri duine sheas riamh an cubaid, agus mar a thurrt neach eile, “nuair a sguireadh e labhairt bhiodh gach aon san eisdeachd a durachduinn gu’n leanadh e na b’ fhaide.” B’fheudar dha, o chionn aireamh mhath de bhliadhnaichean, sgur a shearmonachadh; dh’ fhas e gu math dona leis a chuing, tinneas nach do chuibhlich e tuilleadh gus latha na dha ma’n do chaochail e. Saor uaithe sin bha e cho laidir na bhodhaig ’s na inntinn ’s gu’m biodh e lan chomasach air a bhi searmonachadh gus an robh e fada seachad air ceithir fichead bliadhna. Cha robh ni a tachairt, air am b’fhiach iomradh a thoirt, anns an duthaich so no an duthchannan cein air nach robh e ga chumail fein geur-fhiosrach, agus ged nach robh e mach air dorus a thaighe o chionn bhliadhnachan, bha e na b’eolaiche air na bha dol air adhart ’sa bhaile na bha mhor-chuid dhe na bha air an t-sraid a h-uile latha. O’n fhuair e cead searmonachaidh an 1831, shearmonaich e corr us sia mile searmon, bhaist e corr us da mhile pearsa, agus phos e sia cead gu leth caraid. Bha e na cheann-suidhe air Cleir fichead uair ceithir uairean air an t-Seanadh agus aon uair, an 1879, air an Ard-sheanadh. Chaidh ’adhlacadh Di-haoine 26mh latha. Bha ’n t-seirbheis gu leir fo laimh na Cleire. Thugadh an giulain do Eaglais St. Andrews anns an robh co-thional mor a feitheamh. Liubhair an t-Urr. Domhnull Mac-Ille-Mhaoil, ministeir Sydney Mines, oraid ghoirid anns an d’ thug e cunntas air beatha agus obair an Dotair Urramaich, agus anns na chuir e ’n ceill am beagan bhriathran taghta a chliu mar shearmonaiche agus mar dhuine. An deigh d’an t-serbhis a bhi air a criochnachadh, fhuair an sluagh uile cothrom air amharc air an aghaidh air an robh moran dhiubh cho eolach ’sna laithean a dh’ fhalbh, agus an sin lean iad an giulan dh’ ionnsaidh a chladh aig Hardwood Hill far an robh e air a charadh fodh ’n fhod. Bha moran bruidhinn air a dheanamh re nam miosan a chaidh seachad mu’n t-sabaid a bha gu bhi eader Corbett us Mitchell, agus thainig i mu dheireadh. Choisinn Corbett agus nochd e nach robh moran iochd no duinealais a ghabhail tamh na chom. Bha ’n t-sabaid na ni anabarrach bruidail, mar a bha ’sa bhitheas a h-uile gin dheth ’n t-seorsa, ’s cha robh duine lathair aig an robh meas ceart air fhein. ’Nuair a theid dithis dhaoine a shabaid air son geall agus a shabaidicheas iad na’s bruideile na na bruidean fhein tha’n t-am aig daoine beusach a bhi ’gan seachnadh. Tha fear Michael Mac-a-Phi a mhuinntir Sidni-a-Tuath an deigh a dhol a Bhoston far am bheil aige ri cuirt a sheasamh; agus ma choisinneas e ’n cas gheibh e suim mhor airgid. Bha e ’g obair am Boston bliadhna no dha roimhe so agus anns an obair a bh’aige chaill e da mheur bhar na laimhe deise, agus air dha bhi dhe’n bearail gu’m b’e chuideachd aig air robh e ’g obair bu choireach ris an sgiorradh a thachair dha, chuir e ’san lagh iad a tagairt coig mile deug dollar air son call a mheoirean. Tha chuis aig na fir-lagha a nis uine fhada, agus cha’n eil teagamh nach bi breith air a toirt gun dail. Tha tigh Parlamaid Nobha Scotia na shuidhe o chionn ceithir seachdainean a nis agus tha na fir ag obair air deanamh reachdan us laghannan mar a’s fhearr a dh’ fhaodas iad. Thugadh ionnsaidh air an turus so air cead a thoirt do na mnathan votadh an am a bhi taghadh fir pharlamaid, ach bha chuid bu mho dheth na th’ anns an tigh na aghaidh ’s cha d’ rinneadh lagh dheth idir. Tha moran dhe’n bharail nach bu choir do na mnathan a bhi gabhail gnothuch sam bith ri “politics,” agus tha e coltach gu bheil a chuid a’s mo dheth na tha ’n tigh na parlamaid dhe’n bharail sin. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. MA RUIGEAS TU STOR D. J. DOMHNULLACH, AIR STRAID WENTWORTH, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGA. [TD 214] [Vol. 2. No. 28. p. 6] Turus a Mharaiche. LE EOBHAN MAC-LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB V.—Air a leantuinn. Nis a chionn nach robh fearann ’san t-sealladh, agus gun do dhuisg a “Seann Duine” naigheachd gu robh ’m biadh a fas gann, thug na maraichean cluas ealamh dha briathran a mhealltair; bha eadhon cuid a gra gu robh Imanuel marbh agus chomhairlich “Cearsadh” gu ’n ceasnicheadh iad Criosduidh mu’n chuis. Uime sin chaidh esan agus Deann-Cruaidh air a’n cuir a dh-ionnsuidh deireadh na suinge: Thuair iad Criosduidh a spaisdearachd air a chlar-uachdair le gnius dhubhach. Thuig esan air boll gu robh air teachd le sgula mhi-thaitneach. Nuair sheas iad an lathair a sgiobair theirig cainnt dhiobh; agus philleadh iad air an ais gun facal a labhairt, ach bha eagal orra roimh sgeig chaich, agus uime sin ghlac iad misneachd agus thubhairt iad: “Tha sinne air ar cuir a dh-feorach am bheil dochas air bith gu ruig sinn an duthaich air son an d falbh sinn?” Ghabh Criosduidh mor eagal, ach an dochas gu’m pilleadh freagradh min corruich, thubhairt e riuth, “Na bitheadh eagal oirbh, mo dhaoine; ruigidh sinn tir ann an deagh am.” “Ach dh-fhag Imanuel sinn,” fhreagair Ceann-Cruaidh. “Ni h-eadh,” thubhairt Criosduidh, “nach do thaisbean E e fein duinn anns’ an stoirm?” “Cha’n fhaca sinn e,” arsa Ceann-Cruaidh, “ciamar uime sin a chreideas sinn?” Bha Criosduidh fo dhoilghios airson cruas a’n cridhe agus air faicinn da a Seann Duine tarrung dluth chum eisdeachd cheasnaich e e. “Am bheil thu labhairt so uat fein na’n dinnis neach eigin dhut e?” Dh’fan Ceann-Cruaidh na thosd: An sin ghabh “Dearsadh” misneachd agus thubhairt e “Tha na h-uile coltas nach ruig sinn Tir a Gheallaidh” thubhairt Criosdudh ris. “Mar creid thu briathan Imanuiel, cha chreid thu briathran air bith.” Thuig a so chuidich an Tighearna leinn, thainig gach ni math bhuaithsan, agus gach olc do bhrigh nach d-thug sinn geill da reachd-san. Ach ciod a’n comharra bheir thu dhuinn gu bheil E fathasd beo. Cha bhi comharra air a thoirt dhuibh” fheagair Criosdudh; thugaibh aire air eagail air dhuibhse mar an ceudna bhi air bhur tarruing air falbh le seacharan nan daoine aindiadhaidh, gu’n tuit sibh o bhur seasmhachd fein. Cuid eile air dhiobh bhi air am buaireadh—thuislich iad agus bha iad air an sgrios leis a mhilltear. Thionndaidh Criosduidh air falbh agus dh-fag e iadsan nan seasamh. Thainig a Seann-Duine dluth agus chuir e cagar na’n cluais. Chaidh iad air ais dhionnsuidh a’n chomh-mhairichean, agus chuir iad Cainnt a Sgiobair anns an t-solus bu mhiosa. Bha farum mor na measg. Labhair gach duine a ni sin bha ceart na shuilean fein, ’s gann a dh-feoirich neach ciod i toil an Tighearna. Chuir Timoteus agus Cuilc bhruite an ceill gu robh Imanull, cha ne mhain beo, ach gu’m b E Righ Neamh agus na talmhuinn. Bha chuid eile fo theagamh agus a mheud dhiubh aig nach robh creideamh ann an Dia labhair iad gu h-olc ma Chriosduidh. (Ri leantuinn) Tha daoine ’n latha ’n diugh gle dheigheil air a bhi ’san fhasan, ach na’n tigeadh air duine a mhuinntir na duthcha so dhol gu China dh’ fheumadh e iomadh rud neonach a dheanamh mu’m biodh e ’san fhasan. Anns an duthaich sin, tha na mnathan a cosg bhriogaisean agus na fir a cosg ghuintean. Tha falt fad’ air na fir agus falt goirid air na mnathan. ’S iad na fir a bhios ris a bhan-taillearachd agus tha aig na mnathan ris gach obair throm a dheanamh. Aig torraidhean, bi’dh ’n sluagh air an eideadh an geal, agus aig posaidhean, ann a dubh, agus cha nighean og a bhios na maighdinn aig bean-bainnse aig an stol phosaidh ach seann chailleach. Tha e air a radh gu bheil naoi mile deug punnd Sasunnach (£19,000) de theachd-a-steach bliadnail aig Mr. Gladstone. Tha so uile ’thiginn mar mhal fearainn ’s mar riadh airgid. Ged tha e na Phriomhair air Breatuinn cha’n eil sin a cur sgillinn ruadh na phoca. Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air K. D. C Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. Adan! Boineidean! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FICADHUIT FEIN [TD 215] [Vol. 2. No. 28. p. 7] ORAN BLIADHN’ UIRE. AIR FONN:—Ochain an uair a dh’fhalbh sinn. Tha bliadhna ris an aireamh A shonruicheadh o’n aird dhuinn, Bu choir dhuinn gu’m biodh fas oirnn Le tuille grais ’nar n’ anmaibh. Bha ’m freasdal ruinne caomhail O’n thug e sinn do’n t-saoghal G’ar teasairginn o bhaoghal A h-uile taobh a dh’fhalbh sinn. An ti a ghabh dhinn curam, Bidh esan na cheann-iuil dhuinn, Do ni e fhein ar stiuireadh Gu ’n ruith sinn curs’ ar n aimsir. ’Nuair chriochnaicheas ar laithean, ’Sa ruigear Iordan bais leinn, ’S ro-mhath an caraid graidh e— Cha’n fhailnich ’s cha dean dearmad. Mo thruaighe! ciod a dh’eireas Don t-sluagh sin nach d’thug geill dha? Co theasruigeas nam feum iad? ’Nuair threigeas gach ni talmhaidh. Cha toir na creagan eisdeachd, Cha toir na beanntan geill daibh, Cha’n fholaich ni fo’n ghrein iad O’n t-suil tha geur gu tearbadh. Ach sona ’chaoidh do’n aireamh A fhuair an creidimh slainteil, Bidh oighreachd ann an Paras. Fad al nan al mar sheilbh dhaibh. ’Us o’n tha ghealladh mor dhuinn Uach failnich air a throcair’ Bidh sinne fad sas beo sinn A cur ar doigh ’s ar ’n earbs’ ann. ’S aig toiseach na bliadhn’ uire, S ro mhath an t-am dhuinn dusgadh, A crathadh dhinn gach dusal Gu durachdach ga leanmhuinn. O cum sinn air ar gluinean, Gu caithriseach ag urnuigh, ’S cuir Foin a nuas an driuchd-sin A dh’uraicheadh ar n’ anmaibh. C. C. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair. “Sin agad a Phadruig rud a bheir dhuit cail air son do dhinneir.” “Ma ta le’r cead, cha’n e sin a tha dhith orm idir, ach rud a bheir dinneir dhomh air son mo chail.” Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Irr ’s na gabh ach Minard’s Liniment. Leighsidh Minard’s Liniment Cranna-bhrist. Storichean Bhaddeck. Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin. NIALL DOMHNULLACH. Air son nan Cleireach. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air an laimh daonnan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 216] [Vol. 2. No. 28. p. 8] Piobaire Thighearna Chola. FHIR-DHEASACHAIDH,—Thug “Bartimeus” a Malagawatch freagairt, ann am pairt, do cheist an Urr. A. Mac G. Sinclair a thaobh piobaire Thighearna Chola. Tha Lachuinn Mac Faidein am Bai Bhaddeck ag innseadh dhomh-sa gu’n robh e ann am Montague, ’n Eilean a Phrionnsa ’sa bhliadhna 1851, agus gu’n thachair e an sin air mac a phiobaire. Thug e dha aoidheachd car da la us oidhche ann an tigh athar. Tha mac so a phiobaire beo fhathast, agus a comhnuidh sia mile tuath air drochaid Mhontague. Tha dithis anns an t-siorramachd so (Victoria) a dh’ fhaodas da it a chur ’nam boineid mar a thuirt Mr. Sinclair; ’s iad sin Seonaid bean Neill ’Ic-Ille-Mhicheil a Baddeck agus a brathair, clann Dhonnachaidh ’Ic Neill brathair Lachuinn a Ceap Eoin, a dh’ ainmich “Bartimeus” a bhi na mhac brathar athar do Eachunn Johnstone am piobaire. A reir so, b’e an sinn-seanair brathair athar a phiobaire. Bhithinn toilichte cluinntinn o neach sam bith eile ’tha na’s dluith ’n daimh do’n phiobaire na so. Slan leat aig an am so. COINNEACH. Facal no dha a Boston. A MHIC-TALLA IONMHUINN,—Cha chuala mi o chionn seachdain ach “siuthad, siuthad, cuir dollar dh’ ionnsaidh a MHAC-TALLA, agus sgriobh litir phongail thuige ’s math a’s fhiach e sin.” Air a mhodh so bha mi air mo bhrosnachadh le mo mhathair ghradhach, gus mu dheireadh am bheil mi a’ togail mo phinn, a dh’ ain-deoin mo dhrip ’s mo chabhaig a chum fois phaotainn do’m anam. Tha’m paipear Gailig a toirt mor sholas do’m pharantan na’n seann aois, agus ’s fhiach e dollar uair air bith eisdeachd ris an toileachadh a ni iad ris. Bidh an aon bhraoisg orra le cheile, bho’n am a nochdas am posta leis gus an leubhar am facal mu dheireadh dheth. Tha nigheanan agus gillean Gaidhealach ’sa bhaile so a caochladh aitean a bhios a taghal oirnn o am gu am, agus da’m beil mor speis againn. N uair a thig a h-aon diu so, ’s e leubhadh a MHA-TALLA roinn mhor de’r caitheamh aimsir. ’Se bhios na bhonn comhraidh dhuinn aig am na na snipeireach, agus ’ga leubhadh earann d’ar spors ’nuair a shuidheas sinn mu’n ghealbhain chridheil. Thug an comhradh eadar Fionnladh Piobaire, Mairi a bhean, agus am Brocair mor shubhachas dhuinn latha Nollaig. Bha Niall Mac Aonghais, (Mac Thormaid) a Maira, duine coir agus eildeir ’san eaglais Ghaidhealaich; coimhead oirinn a agus cha mhor nach do sgaoil sinn a’ gaireachdaich ’ga leubhadh. Gu ’n siorbhich leis a MHAC TALLA an la chi ’s nach fhaic. Everett, Mass. A. MAC C. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Nollaig Chridheil! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son na Nollaige. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Sidni, Dec. 9mh, 1893. Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein. Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith. Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn. Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu J. G. MACKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. [TD 217] [Vol. 2. No. 29. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBUARIDH 10, 1894. No. 29. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, SIDNI, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. NAIGHEACHDAN. Bha ’m barr fiona cho pailt anns a Fhraing air a bhliadhna s’a chaidh ’s gu bheil ann an caochladh aitean am fion air a reic air an aon phris ’sa tha ’m bainne. Chaochail Domhnull Mac Aoidh, a bha na phiobaire aig Priunnsa Wales o chionn cor us fichead bliadhna, air a mhios s’a chaidh. Aig a thorradh bha ochd piobairean a cluich, agus bha ’m Priunnsa fhein ’sa theaghlach a lathair. Fhuaradh seann duine, Uilleam Jeffrois, marbh aig Petit de Grat, faisg air Airchat, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a deanamh a mach gu robh n daorach air agus gu robh e air a mheileachadh leis an fhuachd. Tha ’n t-Urr. J. F. Forbes an deigh an gairm a chuireadh thuige a Sidni a ghabhail, agus tha Chleir ri bhi cruinn Di-ciaduinn, an ceathramh letha deug, chum a phosadh ris an eaglais. Bidh an t-seirbheis a toiseachadh air seachd uairean feasgar. Tha foghlumaichean oga Cheap Breatuinn an deigh aireamh mhath dhuaisean a thoirt am much anns an Oil-thigh ann a’ Halifax. Anns a chlass a’s airde, choisinn Domhnull H. Caimbeal a Arichat a cheud duais, agus Jeane A. Benoit as an aite cheudna, an darra duais; agus anns an ath chlass thug I. W. A. Mac Neacail, duin’ og a mhuinntir an Obain am mach a’ cheud duais. Tha sinn toilichte chluinntin gu bheil gillean Cheap Breatunn a deanamh cho math. Ma ’s fior na thatar ag innseadh, tha duine ann an Sydney Mines air ’m bu choir do’n lagh greim a dheanamh. Deireadh a mhios s’a dh’ fhalbh, phos Uilleam Bonner, Barbara Nic Amhlaidh, nighean og a mhuinntir na meinne, agus a nis tha e air fhagail air gu bheil bean eile aige ann an Nanaimo, an Columbia Bhreatunnach, agus gu bheil i aig a cheart am air an rathad gu Ceap Breatunn. Cha d’rinneadh dad, fhathast gus a chur an greim; tha ’n luchd-ceartais a feitheamh gus an tig a cheud bhean air lom, oir mur tig i cha’n urrainnear a chionta dhearbhadh air. Chaidh aireamh mhath dheth na caribous a mharbhadh air a gheamhradh so anns ma beanntan a tha tuath air Ingonish, ach tha’n t-am dhe’n bhliadhna ’sam faodar na beathaichean sin a mharbhadh, seachd, agus faodaidh na sealgairean an cuid ghunnachan a chrochadh air na tairnnean gu toiseach an ath gheamhraidh. Tha speuradair ann an Austria a deanamh faisneachd gu bheil runnag-smuide dol a bhualadh anns an talamh toiseach a gheamhraidh s’a tighinn. Tha daoine nis air fas cho eolach air an t-seorsa fhaidhean so ’s air an cuid faisneachd, ’s nach creid a mhor chuid dhiubh gu bheil olc sam bith ri eirigh do’n talamh gus am faic iad e tachairt. Cha’n eil gu bhi ’m parlamaid Eilean a Phriunnsa ’san am ri tighinn ach aon tigh. Tha tigh nan Comhairleach air a chur as gu buileach. Tha deich buill fhichead anns a pharlamaid uir, agus dhiubh so is Gaidheil us Gaill Albannach an darra leth, is Sasunnaich deichnear, Eirionnaich triuir, agus Frangaich dithis. Rugadh a h-uile mac mathar dhiubh air an eilean ach aon fhear. Tha Riaghladh Chanada an deigh laghannan ura ’dheanamh a thaobh glacadh nan eisirean. As deigh so cha’n fhaodar gin a ghlacadh eadar a cheud latha de mhios meadhonach an t-samhraidh agus an coigeamh latha deug de mhios meadhonach an fhoghair. Agus cha’n fhaodar gin a ghlacadh a tha fodh thri oirlich a dh’fhad, agus cha’n fhaodar poll-maoraich a thoirt a aite sam bith ma bhios eisirean beo cho faisg ri da cheud slat dha. Cha’n eil sluagh air an domhan, ach muinntir China a mhain, a tha ’g ol uiread ti sa tha sluagh Bhreatuinn. Tha cuid dheth na fir-parlamaid an drasd ag iarraidh a chis a thoirt bhar na ti air son an tuilleadh cothrom a thoirt dhaibh air a h-ol. Tha ceithir sgillinnean am punnd de chis oirre ’n drasda, agus ma bheirear sin dhith caillidh an rioghachd tri muillein gu leth punnd Sasunnach ’sa bhliadhna. Tha mar sin, da cheud us deich muillein (210,000,000) punnd ti air ol am Breatuinn gach bliadhna. [TD 218] [Vol. 2. No. 29. p. 2] Taillear Ghearraidh-bo-stig. LE IAIN. Bha taillear Ghearraidh-bo-stig ’na dhuine gun bhith mor ann am bodhaig; agus bha e cheart cho luath ris an nios. Cha robh mac aig ’athair ach e fhein, agus cha robh mac aig a sheanair ach ’athair. Chaochail a mhathair an uair a bha esan beag. An uair a thainig e gu dad a dh’ ire ’s gu’n deanadh e feum leis an t-snathaid, thug ’athair air toiseachadh comhladh ris fhein ris an taillearachd. Cha b’ ann mar a tha taillearan an latha ’n duigh a bha iad an uair ud air am beathachadh no air am paigheadh. Bha aca ri taillearachd na duthcha mu ’n cuairt a dheanamh ge b’ e uair a chuirteadh fios orra. Bha mearg ’sa’ bhliadhna aca ri ’fhaotainn o na h-uile teaghlach aig an robh fearann uachdarain; peice de mhin fhurraraidh, agus peice de mhin ghradanaidh, agus tri bidh ’san latha comhladh ris an teaghlach, ge b’e air bith seorsa bidh a bhiodh an teaghlach a’ cleachdadh a bhith aca. Mar a bha ’n taillear a’ fas suas ann an laithean agus ann an neart duine, bha e ’tighinn air agart anns a’ cheaird mar an ceudna. Cha robh taobh a rachadh an t-athair nach biodh am mac maille ris. Cha robh breid a ghearradh an t-athair nach fuaigheadh am mac. An uair a bhiodh obair an latha seachd, agus a bhiodh an solus gann, b’ e ’n cur seachad oidhche a bhiodh aig daoine ’s an am ud, ’gabhail oran agus sgeulachd, a’ bruidhinn air droch-shuil ’s air droch run ’s air tathaisg ’s air treubhantas ghaisgeach, agus air mort is marbhadh. Mar a bha am mac a’ fas suas ann an laithean agus ann am bliadhnachan, bha ’n t-athair a’ cromadh sios le aois agus le lapaiche. Dh’fhas an t-athair bliadhna dhe na bliadhnachan cho lapach ’s nach b’ urrainn da a dhol a mach air dorus fad a’ gheaamhraidh agus an earraich. Ach gidheadh fhuair copag na Feill Padraig greim air ’s an anail am barran nan cluas aige, agus leis cho fior mhath ’s a bha e ’cordadh ris an tuath-cheathairn, cha robh bean aig an d’ rug mart no gobhar eadar dha cheann na duthcha nach robh ’dol le im agus le bainne thun an taillear. An uair a thainig an samhradh a steach gu math bha ’n seann taillear cho mireagach ri piseag chait, agus cho math gu seinn ri seillean ann an gathan na greine. Bha ’n taillear og o thaigh gu taigh mar eun o thom gu tom. Ach do bhrigh gu robh an seann taillear air fas mall ’na fhradharc, cha b’ urrainn e taillearachd a dheanamh ged a bhiodh e cho dluth air a mhac a h-uile taobh a rachadh e ’s a bhiodh ’fhaileas as deigh a shalach ri latha grianach. Fad aireamh bhliadhnachan ’na dheigh sin bha am mac ’ga chumail fhein agus a’ cumail ’athar ann am biadh agus ann an aodach cho math ’s ged a bhiodh ’athair slan, fallain. Cha robh fear iomanach anns na tri duthchannan a dh’ fhaodadh breith air caman, no b’urrainn a dhol as deigh buill cho math ris an taillear og. Bha e cho beachdaidh ann an sealladh a shul, agus cho cinnteach a buille a laimhe, agus cho supailte ris an casgainn; agus an uair a gheibheadh e aon uair am ball roimh ’n chaman, cha bhiodh fear ’s a’ chuideachd a ruigeadh a leas a dhol g’a thoirt uaithe. Cha bhiodh latha Fheill Micheil, no latha Nollaig, no latha Bliadhn’ uire, no latha Tri Righrean nach biodh an taillear aig iomain an ait-eiginn. Bha e ’na dhuine aig an robh deadh nadur, agus nach gabhadh fearg ri nighinn no ri gille, ri bodach no ri caillich no ri cromaich. Ach nan rachadh tuaireapadh sam bith a chur air a nadur, b’ann le a chomadh fhein. Gidheadh bha aon ni fuaighte ris le dualchas a thaobh nan aithrichean o ’n d’ thainig e, agus na ceairde a bha e leantuinn, agus b’e sin, gu robh beagan de bhleid agus de sgeig ann an uair a bhiodh a chridhe a’ mireag ris. Bha ’athair an comhnuidh ag iarraidh air posadh, ach cha robh buaidh sam bith aig briathran ’athar air ni ’s mo na bhiodh aig smugaid air iarunn teith tailear. Bha ’athair a’ fas mall agus lapach, agus a’ nochdadh nan comharran a bha gu nadurra ’leigeadh ris gu robh e’ dluthachadh ris an dachaidh bhuain; ach ged a bha, cha’n aontaicheadh an taillear og gu’m posadh e. Cha robh nighean bodaich chur-sil no bodaich ruith-spreidhe nach robh cron aige oirre. An te’ nach robh fiar-shiuleach bha i stream-shuileach, agus an te nach robh stream-shuileach bha i croma-shronach, agus an te nach robh croma-shronach bha i storach ’san deud. An te’ nach robh beag bha i mor, agus an te’ nach robh mor bha i aobrannach, uinneanach, ordagach, failmeanach gun chalpa fo’ gluin. Cha robh tochra sam bith ann a thoilicheadh an taillear, do bhridh nach robh e air a thogail ri obair fearainn, no ri sealbh, no ri spreidh. An uair a chunnaic an seann taillear gu robh deireadh a latha dluth air, chuir e fios air a ghoistidh, Micheal Mac Lachlain, a chum gu’n tugadh e beannachadh mairbh dha fhein, agus beannachadh beo dha ’mhac, agus comhairle gu posadh. Thainig a ghoistich air DIhaoine am beul an ath ’s an anamoich; agus an uair a chrom e fo’n ard-dorus, thug e dheth a chomdach-cinn, agus thuirt e ann am briathran seimh, ciun, “Dia So.” Thuirt am fear a bha ’na laidhe air leabaidh na h-iarguin agus an tinneis, “Dia ’ga dheonachadh sin.” Ghabh e suas a dh’ ionnsuidh na leapadh, agus chaidh e air a dha ghluin a ghabhail urnuigh, agus ghuidh e as leith na muinntir a bha marbh agus a bha beo. An uair a chriochnaich e a dhleas-danas mar ghoistidh do’n fhear a bh’ air leabaidh an tinneis, dh’eirich e, agus rug e air laimh air, agus dh’ aidich an seann taillear dha uile lochdan cho fad ’s a b’ fhiosrach e. Dh’ aithn is dh’earbh an sean taillear ri ’ghoistidh comhairle dhileas agus dhiomhair a thoirt air a mhac gu posadh; agus nam b’ e ’s gu’m bu bhas dha fhein e mu’n rachadh an Domhnach seachad, a chorp a charadh ri taobh ’athar ann an Cladh Challuim Chille, am Baile-Mhanaich, agus am ploc mu dheireadh a charadh le a laimh fhein air an naigh os cionn a shroine. Mar a thubhairt b’fhior. Chaochail e mu’n deachaidh an Domhnach seachad. Gu moch Diluain rinn iad gach ulluchadh a b’ urrainn iad air son an taillear bochd a charadh fo’n phloc air Diciadain a reir gne agus cleachdadh na duthcha. Moch ’s a’ mhaduinn Diciadain cha robh bodach, no lasgaire, no gille og ann am meudachd fir eadar da cheann na duthcha nach robh cearta, crninne, comhladh gun chuireadh gun iarraidh aig taigh an taillear an Gearraidh-bo-stig. Chuireadh an corp ’sa’ chistidh le ’mhac agus le ’ghoistidh, agus bhuail saor beag nan ordag na tairnean gu h-ain-deonach, a lamh air chrith agus na deoir o’ shuilean ag ionndrainn an taillear. Bha a’ chiste air a giulan o’n dorus air tri laimh-chroinn, agus iall ghlas ’gan ceangal, leis an t-sianar bu [TD 219] [Vol. 2. No. 29. p. 3] shine a bh’ anns a’ chuideachd; agus bha a mhac aig a cheann agus a ghoistidh aig a chasan. Dh’ fhalbh iad leis a’ ghiulan a dh’ ionnsuidh na cille le ceum socair, comhnard, agus an cridhe trom, bronach. Olc ’s mar a bha ’n rathad agus an t-side rainig iad gun tuisleadh gun sgiorraig a dh’ eiridh dhaibh. Ghearr a mhac agus a ghoistidh a’ cheud phloc an ainm an Athar agus a’ Mhic agus an Spioraid Naoimh, agus thug iad na sluasaidean do ghillean calama, tapaidh, nach robh fada ’treachaid na h-uaghach. Cha robh snaithle air duine a bha air an torradh ach aodach a ghear ’s a dh’ fhuaigh am mac ’s an t-athair; agus mu ’n deachaidh a’ ghrian as am fianuis fad’ an iar air Bunacha-bac bha am ploc mu dheireadh air a charadh gu ciatach le’ ghoistidh air uaigh an tailleir. An deigh dhaibh a dhol air an gluinean air an lic agus an urnuigh a ghabhail, agus iad dalla-bhronach, chuir gach seann duine agus duine og ’aghaidh air iuil ’s a chul ri ainiuil, gu bog, balbh, samhach, gun ghuth mor gun droch fhacal. O’n a bha taigh an taillear gun teine gun tuar, thug Mhicheal Mac Lachlainn leis a dhalta dha thaigh fhein ’sa Ghearraidh-Bhuidhe. An uair a rainig iad bha gealbhan mor, briagha air cagailte Micheil mar a b’ abhaist, agus biadh gun ghanntur bruich, blath aig a mhnaoi a’ feitheamh orra. An uair a ghabh iad na chunnaic iad fhein iomchuidh de’n bhiadh, bhruidhinn Micheal ris an taillear gu seimh, socair, agus chomhairlich e dha posadh. Ach am bog no’n cruaidh cha gheilleadh an taillear dha gu sid a dheanamh. Bha bean Mhicheil mar gu’m biodh balgum fala ’na beul, gun smid a’ tighinn as a ceann ag ionndrainn a goistidh, agus i fo throm churam ciod a dh’ eireadh dha’ mhac mur posadh e. Ged a bha i ’na boirionnach aig nach robh moran ri radh uair air bith, bha spiorad na bardachd innte le dualchas. Bha’ cainnt cho geur ’s gu ’n tigeadh gach facal o a beul le leithid de chudthrom ’s gur gann nach gearradh i an t-iarunn fuar air a tharsuinn. An uair a chunnaic i nach robh eifeachd aig cainnt Mhicheil air a dalta, thuirt i ris gu robh ise agus Micheal fo bhoidean mar a mhuime agus ’oide gu sealladh iad as a dheigh gus am faigheadh e bean dha fhein; agus gu feumadh e geilleadh dhaibh; agus gu faigheadh ise bean dha a chordadh ris gun teagamh. An sin labhair i anns na briathran a leanas:— “Maighdean bhan an fhuilt shleamhuinn; Croma-shron fo chaol-mhala; M-oirean mar iteachain bainfheich Fiaclan fad, air dhath a’ chanaich; Gun chalpa le luirg dhirich, thana, Aobran mor os cionn sail bhirich; Cha ghabh thusa, ’ghraidh nan gillean. Te chrasgach, ruadh, nan sul geala, Cha bhi buar aic’ ’s cha bhi glain’ aic; Breacadh sionain air a malaidh; Druim cho direach ri crann-galain; Spleadhach, pliathach, pleatach, fearail: ’S fuathach leam gach fear a sheallas Air an t-seors’ an cuirt nan ainnir. Te dhubh, shliogach, shleamhuinn, lachdan, Ailleagan a cluais’ mar chairtear; Inean crom’ mar spuir an fhithich; ’Dh’eadraigeas am poll o nigheadh; Nach dean sniomh no card’ no fighe; Cha robh gin riomh dhiubh sgith de bhruidhinn; Cha ’n eisd iad ri ceol le bruidhinn; Chluinnear a gloc air bhair tobhta, Aig bun gach tuim ’s air bharr gach cnocain; Cha toir deirc do na bochdan, No biadh a dh’ fhear-turuis gortach; Bidh i tric ’s a’ chiris chaithris; Banarach gun im gun bhainre; Bidh a laoigh a’ dol do ’n bhuailidh ’Nan cuis-cagail ’measg spreidh tuath-chearn; Am blian ac’ mar fheanntag bealtuinn; Le geum caol mar cum an calltuinn; Cha bhi sonas te dhe samhladh. Maighdean shiobhalt’, shocair, chomhnard; Falt tiugh, donn, le stiom ’ga chomhdach; Suil ghorm, mheallach fo rasg mothar; Glan-chraicneach mar eun geal mointich; Gun ghuth mor o’ beul Didonaich; Siobhalta ri aois ’s ri oige; Fiaclan goirid, geala, comhnard; Bilean ’s gruaidh air dhath nan rosan; Smig ghoirid os cionn a sgornain; Tiugh-uchdach mar tholman coinich; Seang mu’n chneas ’n uair theid i ’n ordugh; Calpannach, taiceil, ’s ceum mothar A leumas thar linne an fholaich; Bas min, geal, tana, le meoirean goirid Air an comhdach le inean cruinne; Gun roc an deireadh a sul; Gun phreasadh ’na gruaidh; Gun chlaise ’na bathais; Nach dean gaire ri mart a nabuidh A bhith ’m poll no ’n eabar; A chromas a ceann an uair a Chluinneas i gloc gaire Chaidh ’s an eadradh.” An uair a chriochnaich i an rann dh’ aontaich an taillear gu’ m posadh e nam faigheadh e te’ a reir a mhiann; ach gu tur dona, bha ’n taillear duilich a riarachadh. Beagan uine ’na dheigh sin shonraich a mhuime a mach nighean deadh athar agus deadh mhathar air an robh na subhcailean a dh’ ainmich i a’ gabhail comhnuidh. An uine ghearr ’na dheigh sin dh’ fhalbh Micheal Mac Lachlainn agus an taillear aig deireadh seachduin a chordadh ris an nighinn; agus chaidh gabhail rompa ’san taigh le lamhan sgaoilte. An uair a chuireadh aird’ air an taigh, agus a shuidh iad sios aig a’ bhiadh, chuir Micheal an geill a theachdaireachd a dh’ fhear an taighe agus do bhean an taighe. Agus thug iadsan an lan-aonta gu’m biodh gach cuis mar bu mhiann leotha, nam b’ e s gu ’m biodh an nighean fhein deonach. Aig an am cha robh an nighean a staigh. Bha i ’n taigh na baineich ag iarraidh aodaich a bha ’ga fhigheadh ann. Agus mar a bha chama-chodhail an dan co a thigeadh dhachaidh comhladh ris an nighinn ach a’ bhaineach, a chum gu faigheadh i an greim gearr. Oir mur faigheadh i an greim gearr cha bhiodh rath no sonas air an neach a chaitheadh an t-aodach. Chaidh teachdaireachd Mhicheil innseadh do’n nighinn. Agus an uair a chual’ a’ bhaineach an teachdaireachd ’s duil aice fhein ris an taillear, ’s ann a thuirt i gu dalma ri fear an taighe gu ’m bu bhochd an rud dha a dhol a thoirt ’aon ghineil seachad do mhac ’s a dh’ ogha fir aig nach robh mart no caora; agus gu robh an truaighe ’s an dolas a’ feitheamh oirre mur faigheadh i fear a b’ fhearr na taillear aig nach robh de chrann-arain ach siosar is meuran is snathad; agus ged a gheibheadh e i, nach biodh e tri oidhche gu brath an deigh a cheile aig a cagailte comhladh rithe; agus gur ann a bha e coltach ri cu o ghleann gu gleann as deigh chlosnaichean. Dh’ eisd an taillear ris na chual’ e gu math foighidneach, agus thuirt e, lapach ’s mar a bha a chrann-arain-san, agus ged a bha e gun stoc gun mhor storas nach d’ thainig a’ ghorta steach riamh air dorus ’athar no ’sheanar; agus nach b’ ionnan sin ’s mar a bh’ anns an duthaich, gu robh’ ghorta ’gabhail comhnuidh aca seachd bliadhna fo chasachain nam beartan-fighe. An uair a chual’ an nighean agus a mathair na chuir a’ bhaineach dhith, o nach robh moran eolais aca air an taillear, ’sann a chaidh iad a mach a dh’ iuchd ri taobh na cruaiche moine. Chuir iad an cinn ri’ cheile agus ge b’ e air bith comhradh a bh’ eatorra cha d’ Air a leantuinn air taobh 6. [TD 220] [Vol. 2. No. 29. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEB. 10, 1894. THA muinntir China a cur dragh mor air na duthchannan a tha air cladach an iar America. Tha iad a tighinn na’n sgaothan thairis air a Chuan Chiuin gach bliadhna, agus bha choltas orra aon uair gu’n cuireadh iad na daoine geala a obair gu buileach, oir ged nach dean aon diubh faisg uiread oibreach ri duine geal, gidheadh oibrichidh iad air tuarasdal cho beag ’s nach bi ach fear gle ainneamh dhiubh gun obair, air cho lionmhor ’s gu’m bi iad. A bharr air sin cha’n eil iad, mar mhuinntir dhuthchannan eile, na’n daaoine a shuidhicheas agus a ghabhas comhnuidh ann an duthaich d’an tig iad, agus a bhios mar sin na’m buannachd dhi; ’s ann a tha h-uile h-aon diubh a cruinneachadh ’sa gleidheadh gach sgillinn air am faigh e greim gus a thoirt leis air ais da dhuthaich fhein, ’s cha cheannaich e ach ni nach urrainn dha deanamh as aonais. Tha uime sin, muinntir nan duthchannan mu’n do labhair sinn, a gearan gu mor orra, agus fior dheonach air an cumail air falbh gu buileach. Tha na Staitean an deigh cluas a thoirt da’n sluagh fein agus an deigh laghannan a dheanamh a tha cha mhor a’ dunadh muinntir China a mach. Tha Canada an deigh cis a leagail orra, agus cha’n eil a chridhe aig aon dhiubh cas a chur air tir gun a dhol troimh ’n tigh-chuspuinn mar bhathar eile, agus leth-cheud dollar am fear a phaigheadh. Ged tha chuis mar sin fein, tha iad a sior thighinn, agus tha riaghladh Cholumbia Bhreataunach, mor-roinn a tha air a sarachadh leotha, a cur impidh air Riaghladh Chanada tuilleadh cise ’leagail orra; tha iad a smaoineachadh gu’m bu choir, air a chuid bu lugha, ceud dollar am fear a bhi orra. Tha moran ann an Canada a bhios an aghaidh so, ’sa tha cur an aghaidh an lagh a th’ann cheana le ’n uile neart, ag radh gu bheil e neo-airidh air sluagh a tha ’gabhail orra bhi riaghladh an duthcha le laghannan cearta, Criosdail. Faodar moran a radh taobh air thaobh, agus cha’n eil teagamh air bith nach bi e air a radh ’nuair thig iarrtus parlamaid Cholumbia Bhreatunnach air beulaobh parlamaid Chanada. Tha fhios gu’n sealladh e na b’ fhearr ’s na bu choire do’n duthaich so lan chead a thoirt do na daoine buidhe tigh’nn ’nar measg, ach cha’n urrainn do neach sam bith a radh c’uin a gheibh iad an cead sin, no gu’m faigh iad idir e. A Acarsaid Chloinn Fhionghain. FHIR DHEASACHAIDH,—Ceadaich dhomh aig an am so beagan fhacal a sgriobhadh gu do phaipeir luachmhor, an dochas gu toir thu oisean beag do m’ litir ann an sreathamh a MHIC-TALLA. Tha tinneas gu math pailt air feadh an aite so, a nis bho chionn corr as mios. Tha ’n galair mosach sin, an grippe fuasach pailt air feadh na duthcha. S’ ann le fior bhron a tha mi a toirt iomraidh air bas a ghille ghrinn, Domhnull R. Caimbeul, a chaochail air maduinn Di-donaich an ochdamh latha fichead d’an mhios s’a chaidh. Bha e ma ochd bliadhn’ fichead a dh’ aois, ’s na shar ghille modhail siobhalta, o thus oige. Cha robh e tinn ach beagan laithean. Tha sneachda neo-chumanta trom air an talamh am bliadhna, agus an t-side cho stoirmeil ’s gu bheil e cumail nan rathaidean cruachte le sneachda, ’s na’n cuis eagail. Ach an deigh so, bithidh e na’s docha an t’side a dhol air a h-ais. Ged a tha ’n t’ each iaruinn cho luath laidir s’a tha e, gidheadh, tha’m beathach bochd a faotuinn a leoir sarachaidh iomadach latha o chionn mhios. Tha iasgairean nan cladaichean so an dochas gu faidh iad a mach a dh’ iasgach an truisg air an deigh mhor am bliadhna. Ma dh’ fhanas an t-side reota, bithidh deadh dheigh air Loch mhor a Bhras d’Oir an uine ghoirid. Chaidh each a ghoirteachadh gu dona aig Beinn Chain an latha roimhe. Bha gille beag a tarruinn connaidh leis agus air dha a bhi tighinn dachaidh an am a bhi a cromadh le beinn chas a bha gle shleamhuinn aig an am thainig an t-each ’sa h-uile rud a bha ann le luaths dealanaich a nuas leis a bhruthaich, gus na bhual iad san tigh. Chaidh a beathach bochd a chur as a ghullainn leis a bhuille. Thainig aireamh mhor de ghillean ’s do nigheanan dachaidh as na Staitean Aonaichte air a geamhradh so, na measg faotaidh sinn ainmeachadh Ambrois S. Mac Fhionghain a thainig dhachaidh le bean og, air ur phosadh, te Mairi Nic Eachairn a mhuinntir Mhira. Bidh sinn a guidhe-saoghal fada ’s toilachadh laithean do’n charaid oig. Ged nach robh sinn idir a tallach air an deise a bha air MAC-TALLA roimhe, tha sinn ro thoilichte chluintean gu bheil an tailleir a deanamh deis ur dha, ’s gum bi i deiseil air an t-seachdain so. “Gu’n meal ’s gu ’m caith e i! Is mise do charaid, IAIN D. Leighseadh mise o’n Ghrip le MINARD’S LINIMENT. C. I. LAGUE. Sydney, C. B. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LINIMENT. TEARLACH PLUMMER. Yarmouth, N. S. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. LEWIS S. BUTLER. BURIN, Nfld. Di-luain chaschail Bean Thearlaich ’Ic Fhionghain, boirionnach og cliuiteach, aois cheiteach bliadhna fichead. Chachail e air a cheart latha na mhios air na phos i o chsonn bliadhna. Leighsidh Minard’s Liniment Grip. Bha’m bas gu math trang ’nar measg air an t-seachdain so. Dior-daoin s’a chaidh, chaochail ceathrar; Martin Howley, Bean ’Ic Amhlaidh, gille beag le Alfred Boutillier, agus leanamh gille le Tearlach Townsend. [TD 221] [Vol. 2. No. 29. p. 5] Litir as an Eilean Sgiathanach. FHIR MO CHRIDHE.—Is mor an toilinntinn a tha mi ’faotainn o bhith ’leughadh a’ MHIC-TALLA o sheachduin gu seachduin. Ach fhuair mi mor-thoileachadh eile air a thailleamh, air am bheil mi a nis a’ dol a thoirt beagan iomraidh. Anns a’ cheud litir a chuir mi do’r n-ionnsuidh, dh’ innis mi co mi. Thug mi mar an ceudna iomradh gu robh moran chairdean agam araon ann an Eilean a’ Phrionnsa agus mar an ceudna ann an Ceap Breatunn. Ciod a b’ iongantaiche leam na litir fhaotainn o Dhomhnull Mac ’Ill’ Leallain, a tha ’fuireach ann an Narrows Creek, an Eilean a’ Phrionnsa, no, mar a theirteadh ris ann am Beinn-a-bhaoghla, Domhull mac Ruairidh ’ic Iain bhain. Dh’ fhalbh an duine so gu ruige America ’sa’ bhliadhna 1845. Tha e ’na mhac peathar seanamhar dhomh. Dh’ innis e dhomh anns an litir gu bheil Mairi piuthar m’ athar fhathash beo, slan, agus gu bheil moran eile dhe mo chairdean beo, slan mar an ceudna. O chionn beagan sheachduinean fhuair mi litir eile, ’s i air a sgriobhadh ann am fior dheadh Ghailig, o sheann duine coir, caoimhneil a tha ’fuireach ann an Lorway. Dh’ fhalbh an duine so a Beinn-a-bhaoghla mu’n d’ rugadh mi. Bha eolas math aige air cuideachd m’athar ’s mo mhathar. Is e ’ainm, Micheal Domhnullach, no, mar a theirteach ris gu cumanta, ann am Beinn-a-bhaoghla, Micheal mac Dhomhuill ruaidh ’ic Sheumais. Tha e tri ficheal bliadhna ’s a h-ochd deug a dh’ aois. Is gann is urrainn dhomh cainnt a chur air a’ ghairdeachas a rinn mi an uair a leugh mi litir Mhicheil. Cha do dhichuimhnich e riamh a’ Ghailig mhilis, bhlasda a dh’ionnsaich e air Sliabh na h-Airde, ged a tha corr is leith cheud bliadhna o’n a dh’ fhalbh e a duthaich a bhreith is araich. Agus idir cha do dhichuimhnich e na cairdean agus an luchd-eolais a dh’fhag e ’na dheigh. Tha ’n dithis dhaoine so o’n d’ fhuair mi na litrichean, a’ leughadh a’ MHIC-Talla gu riaghailteach. Is fhearr leamsa an da litir a fhuair mi uapa na fichead dollair, ged a chuirteadh air mo bhois iad an ceart uair. Fhuair mi litir eile o bhur deadh charaid, an t-Urr. C. Caimbeul, Strath-Alba. Thug e mor thoileachadh dhomh cluinntinn uaithe. Cho luath ’s a gheibh mi as mo dhrip sgriobhaidh mi d’a ionnsuidh. A nis, innsidh mi dhubh c’ar son a tha mi ag innseadh mu na litrichean a fhuair mi o m’ chairdean a America. Tha mi ’ga innseadh, a chionn gu bheil mi creidsinn, nam biodh na Gaidheil air gach taobh de ’n chuan a’ leughhadh a’ MHIC-TALLA, agus a’ sgriobhadh d’a ionnsuidh an drasta ’s a rithist mar a tha mi fhein a’ deanamh, gu faigheadh iad eolas air iomadh aon de’n cairdean, mu nach ’eil iad a’ cluinntinn iomradh aig am sam bith. Tha mi ’n dochas gu’m bi soirbheachadh mor aig a’ MHAC-TALLA air a’ bhliadhna so. Bha buaidh-larach aig na Gaidheil riamh anns gach cath anns an do sheas iad gu treun, duineil, gualann ri gualainn. Ma sheasas iad air taobh a’ MHIC TALLA mar is coir dhaibh, cha’n eagal dha. Is ann aca tha so ri dheanamh. Cha ’n ’eil cuid no gnothach aig na Gaill ris. Buaidh is piseach leibh gach latha ’s uair. Is mi bhur caraid, IAIN. Latha seann Nollag, 1894. A Framboise. Bliadhna Mhath ur dhuit, Mhic-Talla, agus ma’s math a tha, gum a seachd fearr a bitheas tu! Chaidh latha na bliadhn’ uire so a chur seachad gu cridheil, toilichte san aite so; an oigridh a cruinneachadh an ceann a cheile a cur seachad na time le cleasan ’s le fearas-chuideachd neo-chronail, a seinn orain bhlasda Ghailig, agus a guidhe soirbheachadh agus buaidh leis an duin’-uasal ’tha na chomhnuidh aig taobh na mara. Tha tuathanach a fuireach an Sruileigh aig am beil lair a tha coig bliadhna deug air fhichead a dh’ aois, agus i comasach, a cuid fhein a dh’ obair an aite ’dheanamh; agus ged tha e fhein suas ri ceithir fichead bliadhna, gidheadh ni e fhein ’san lair turus air cheann-gnothuich cho ealamh ri daoine ’s eich nach eil idir cho sean. Tha fiosan a Boston ag innseadh gu bheil deich air fhichead de Ghaidheil Cheap Breatuinn ann an aon tigh-eiridinn sa bhaile sin tinn leis a bhric, agus an co-lorg sin tha naigheachdan bronach a teachd gu muinntir mu’n cuairt dhuinn. Chaochail Catriona, nighean do Ruairidh Mac Philip a mhuinntir an aite so, agus chaochail Mor, nighean do Nial Moireastan a mhuinntir Loch Lomoud, agus chaochail Mairi, nighean do Thormoid Moireastan a mhuinntir St. Esperit, faisg air an aon am, triuir nigheanan oga aig an robh meas agus urram nan uile da’m b’ aithne iad air an gearradh air falbh ann am blath an oige. Tha co-fhaireachduin againn ri teaghlaichean ’s ri luchd-daimh nan dubhachas, ged nach eil an sid ach guth a tha ’g eigheach ris gach neach a tha beo,—“Cuir do thigh ann an ordugh, oir gu cinnteach gheibh thu bas.” CEANN LIATH. Ian. 6. ’94 Minard’s Liniment air son Loinnidh. Minard’s Liniment air son an fhuilt. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 222] [Vol. 2. No. 29. p. 6] Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean againn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. fhuair neach eile mach e. Ach aon ni a fhuaradh a mach, agus sin gu math follaiseach air feadh na duthchadh, gu ’n do sheas an nighean gu bailceanta air bathais an urlair, agus gu ’n dubhairt i ris an taillear, ged nach biodh fear eadar Hirst is Peairt ach e nach gabhadh i nasgaidh e. (Ri leantuinn.) Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. V.—Air a leantuinn. An sin thainig Chriosduidh, agus a bhean ’sa chuid eile de’n chloinn, chum fios fhaotuinn ciod a dh-aobhraich a mhi riaghailt. Ghairm e Peadar air ais agus thubhairt e ris; “na tugaibh aite do’n theirg;” ma dhi-chuimhnich thu Esan a labhair, is leam-sa dioghaltas; iocaidh mi? Leag Peadar sios a bhall-airm. Bha Tomas air ti a thoirt uaithe, ach thubhairt e ris, “dh-eisd usa mar-an-ceudna ri droch bhriathran an t-Seann Duine.” Chrom Tomas a cheann oir bha ’mhathair dluth. An sin shin Criosduidh a lamhan dha na maraichean, agus thubhairt e. “An dean sibh ar a-mach an aghaidh ceannard bhur slainte a ghradhaich sinn le gradh siorruidh? Thugaibh an aire, a bhraithre air eagal gu’m bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mi-chreidimh ann an treigsinn an De bheo.” Am feadh a theirear, an diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruaidh-cihibh bhur cridhe; uime sin na tilgibh uaibh bhur muinghin, aig am bheil mor dhiol-thuarasdal. Oir a ta feum agaibh air foighidin; chum an deigh dhuibh toil De a dheanamh, gu’m faigh sibh an gealladh. Oir fathast seallan beag, agus an ti a ta ri teachd thig e, agus cha dean e moille. A nis bithidh am firean beo tre chreidimh; ach ma philleas nach sam bith air ais, cha bhi aig m’ anam-sa tlachd ann. Oir ma dheasaicheas sinn do ar toil fein an deigh dhuinn eolas na firinn fhaotainn, cha ’n fhagar tuilleadh dhuinn iobairt airson peacaidh, ach duil eagalach ri breitheanas, agus fearg-theinnteach, a sgriosas na h-eascairdean. Is ni eagalach tuiteam ann an lamhaibh an Deo bheo. (Ri leantuinn.) “De n aois a tha thu?” ars am breitheamh. “Tha mi fichead,” ars ise bha na fiannis. “Innis an fhirinn; ’de’n aois a tha thu?” “Tha mi eadar fichead us deich air fhichead.” “Cinn a bhios tu deich air fhichead?” “Am maireach,” ars ise. [TD 223] [Vol. 2. No. 29. p. 7] A Gleann Uilleam. FHIR-DHEASACHAIDH IONMHUINN— Tha a nis lan am agam do dholar a chur thugad. Bha mi a deanamh dail an dochas gu faighinn beagan de luchd-gabhail dha d’ phaipeir. Gu dearbh, cha robh idir cabhag orm do bhrigh, mar tha fios agad, gu robh urras mhath agam. ’S mi tha fada na chomain air son mo bhrosnachadh gu cur a dh’iarraidh MHIC-TALLA. Is iomadh comhairle mhath a thug e orm riamh, agus gu dearbh b’ann dhiubh i sid. Tha mi anabarrach toilichte leis a phaipeir: cha’n eil Gaidheal air bith ceart as aonais. Tha miltean de Ghaidheil ann an Canada a chuireas a dh’iarridh MHIC-TALLA ’uuair gheibh iad eolas air. Cha’n urrinn gu bheil clann nan gaisgeach ’s nan sonn a dh fhalbh air fas cho neo-dhileas ’s gun iarradh iad canain an aithrichean ’s eachdridh an duthcha leigeil bas. ’Sann air son an dilseachd a fhuair na Gaidhil ainm nach basach an eachdridh nan linntean a chaidh seachad ’s tha mi creidsinn gu bheil comhas mor de’n spiorad cheudna ’nam measg an diugh. Chi sinn Gearmailtich, Frangich, Eadailtich us muinntir dhuthchannan eile a seasamh gu duineil air an canain fein, us am bheil sinne dol a phasgadh ar lamhan ’sa dhunadh ar beoil, ’nuair tha Ghailig bhinn, bhlasda, ’ga stampadh fodh chaean a naimhdean? Cha’n fhaod a bhith. Bliadhna mhath ur dhuit fein ’s do uile luchd-leughaidh a MHAC-TALLA! MHIC-TALLA tog do ghuth le neart, ’S na biodh ort geilt no sgath, Tha miltean Ghaidheal dileas dhuit ’S cha threig iad thu gu brath, Tog iollach ait an cainnt nan sonn Gu’n cluich gach cnoc us gleann A Ghailig mhilis, bhlasda, bhinn, Seadh canain Tir nam Beann. Do Charaid Dileas, S. D. Mac P. Gleann Uilleam, E. P. I. Ann an Japan, cha’n eil na dotairean a cleachdadh innealan sam bith air son draghadh fhaclan ach am meoriean, agus tha e air a radh gur e fiacail gle ainneamh a dh’ fhairtlicheas orra. ’Nuair theid iad a dh’ionnsachadh, toisichidh iad le bhi spionadh phinneachan a bord ’s o sin theid iad air adhart gu nithean is duilghe gus mu dheiradh an spion iad tarrunn a bord cruaidh gun strith sam bith. ’Se dleasanas gach uile neach a tha ’gabhail a phaipeir so fhaicinn gu bheil e ’n deigh a phaigheadh. Cha’n urrinn do neach sam bith paipear a leughadh le cogais ghlan mur do phaigh e air a shon. A charaid, cia mar tha do chogais-sa? Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle saor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear. “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 224] [Vol. 2. No. 29. p. 8] ORAN. LE GILLEASBIG MAC-PHAIL. Do Chalum Caimbal, Tighearna Bharmholich, agus Fear Bhaile-Phetris an Tireadh. LUINNEAG. Togamid fonn, ’s neo-throm gun togamid, Togamid fonn le furan gun eislean; Togamid fonn, ’s neo-throm gun togamid. Gu ma slan do na h-uaislean, Air Di mairt a rinn gluasad, [?] an sgioba math, fuasgailteach, Dras, cruadalach, gleusda; ’Dhol air tir ann san Oban, Far an cruinnich iad comhla, Air an tarruinn gu h-eolach Ann an ordagh fo’n eideadh. Cha n-fheil leithid bhur caiptin Furasd’ fhaotuinn air chneasdachd; Fear a ghiulain is fhasain, Fear a chleachduinn ’s a cheutibh, Fear ard aignidh ’s a chruadail.— ’Se nach tilleadh roimh fhuathas, Gum bu ghaisgeil a ghluasad An am bualadh nan geur lann. ’M Baramolach do staoileadh, ’S aig do mhac gum biodh t’ oighreachd, ’Fhir a fhuair do chuid saibhris, Saor bho fheill is bho eucoir. Gu bheil t’ fhearann fo dhion dhuit Le bann daingeann bho ’n righ air; Is bha barantas cinnteach Aig do shinnsireachd fein air. Tha thu spioradail, meanmnach, Foinnidh, daicheil, deas, calma; Tha thu smachdail, neo-chearbach: ’S mi gun earbadh a d’ threinid. Bhiodh na Frangich fo airsneul, ’S tu gan ruagadh ’s gan sgapadh, Is gam fagail fo d’ chasibh, ’S iad gun chlaisteachd, gun leirsinn. ’S truagh nach glacadh tu ’m posadh Baintighearn’ eibhinn lan storais, ’S i am folachd ’s am foghlum Anns gach doigh air do reir-sa. Is nan deanadh i arach Mac a thigeadh at aite Bu toilinntinn le d’ chairdean ’S leis na Gaidheil gu leir e. Ann ad thalla mor riomhach Gheibhteadh ceol is ol fiona Agus aighear ’s toilinntinn Is gach ni air a reir sin. Bhiodh daoin’ uaisle gach latha A tigh’nn ort as gach rathad, ’S dheant’ le solas am beatha An taigh-tathich nan ceudan. Cha n-e chuirm gun an comhradh ’Gheibheadh aoidhean mu d’ bhordibh. Bhiodh a bhranndi gu ’r deoin ann, ’S sibh ag ol air a cheile, ’S uisge-beatha nam feadan; ’Ni na fearibh a leagadh, ’Sa bheir bodich gu beadradh, Is gu freagairtean geura. ’S iomadh botul a thraighteadh Leis a chomunn chaomh, chairdeil, De’n leann fhallan mhath, laidir Ann am fardach na feile. Gum biodh iomirt gu dian ann Air na cairtean ’s na disnean, Agus seirbhisich dhileas A sior-dhioladh luchd-feuma. ’Se Minard’s Liniment a’s fhearr. POSAIDHEAN. Aig I-Chaluim-Chille, Ian. 31mh, leis an Urr. Ruairidh Mac Neill, Ruairidh Mac Fhionghain is Catriona Dhomhnullach, a Washabuck Ard. Air an Eilean Mhor, Ian. 30mh, leis an Urr. D. Drummond, D. F. Friseal, us Anna, nighean Dhomhnuill ’Ic Aidh, a Kempt Head. BAIS. Aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, Ian. 30mh, Mairi, bean Neill ’Ic Neill (Niall Mor).—R. I. P. Aig Washabuck Ard, Feb. 1, Catriona Dhomhnullach, bantrach Ruairidh Dhomhnullaich.—R. I. P. Aig Boulardaire Centre, Ian. 27, Murachadh Mac Pharlain, da fhichesd bliadhna dh’aois, a fagail bantrach us ceathrar chloinne. Aig an Acarsaid Dheas, Ceap Nor, Ian. 21mh, Mairi Dhomhnullach, leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’aois. Aig Sydney Mines, Feb. 6mh, Iain Domhnullach, tri fichead bliadhna sa sia a dh’aois, a fagail bantrach us sianar chloinne. Aig Intervale Chloinn Fhionghain, Ian. 28mh Domhnull R. Caimbeal, Mac do Ruairidh Caimbeal ochd bliadhna fichead a dh’ aois.—R. I. P. Aig taobh deas nan Narrows Mhora, Ian. 6mh la, Iain Mac Dhonuill, (Iain an t-saighdear), tri fichead bliadhna sa h-ochd deug a dh’aois.—R. I. P. Tha na dotairean a’s fhearr a moladh K. D. C air son droch Stamag Samqull a nasgaidh K. D. C. Co New Glasgow, N. S. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’ againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 225] [Vol. 2. No. 30. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBUARIDH 17, 1894. No. 30. Gaidheil Bhoston. A Mhic-Talla Ionmhuinn: Bidh iomadh latha ’s bliadhna ma’n teid oidhche Dior-daoin s’a chaidh as cuimhne Gaidheil Bhoston. Chualas air an oidhche sin ann an Eaglais nan Gaidheal, comhradh Gailig, Orain Ghailig agus piobaireachd, nithean a chuir mor aoibhneas air na chual’ iad. Chunnacas aig an am cheudna, cireadh cloimhe, tacharas snatha, toinneamh le fearsaid, agus cardadh us sniomh, agus an sin frolic luaidh, ni nach fhacas riamh roimhe ann am baile Bhoston, fa chomhair moran sluaigh, agus ni a thug togail cridhe agus fior thaitneas de dh’ iomadh fleasgach og, seadh agus do dh’iomadh maighdean bhanail agus do dh’ iomadh seana bhean us seann duine a bha eolach air a leithid au am an oige. Bha ’n eaglais air a lionadh, cha robh liad coise nach robh air a dhomhlachadh le muinntir na seasamh. Aig ochd uairean b’ eigin an dorus a dhunadh, agus thilleadh air falbh da cheud pearsa nach toilleadh a stigh. Chuireadh e subhachas air cridhe neach air bith fhaiciun an gairdeachas a bha ’n aodann gach aon ’n uair a bha iad ag eisdeachd ris a phiobaire a cluich a cheud phuirt, agus ri coisir cheolmhor de ghillean ’s de nigheanan a seinn nan oran, “Mo chailin dileas donn,” “Ho ro, mo nighean donn bhoidheach,” “Gabhaidh sinn an rathad mor,” agus “Fhir a bhata ’s na ho ro eile.” Sheinn aon oranaiche eireachdail, Iain Robertsan a mhuinntir Alba, an t-oran, “Is toigh leam a Ghaidhealtachd,” agus cha mhor nach toireadh e deoir an aoibhneis a cridhe neach air bith anns an robh deur de dh’fhuil a Ghaidheil, a bhi ’ga eisdeachd. Sheinn dithis de ghillean Cheap Breatuinn, agus naoidh deug eile ’gan cuideachadh da oran luaigh. Bha’n clo air a bhord, agus an luagh a dol air adhart mar a chunnacas e iomadh uair ann an Ceap Breatuinn. Chaidh cruinneachadh mor airgid a dheanamh, agus tha sinn an dochas nach bi fada gus am faic sinn a leithid a rithist. Slan leat a charaid, an la chi ’s nach fhaic. A. M. C. Boston, 10, 2, ’94. Duine Spiocach. Bha uachdaran fearainn ann an Alba latha gabhail straid air feadh na duthcha, agus bhuail am pathadh e. Thaghail e ann an tigh tuathanaich agus dh’ iarr e deoch bhainne. ’Nuair a thugadh g’ a ionnsaidh i dh’ fheoraich e’ de na bhitheadh i. Thuirteadh ris gu’m bitheadh sgillinn a-ghlainne. Dh’ ol e an sin mu leth na glainne, agus ars esan ’se tilgeadh bonn-a-sia air a bhord, “tha mi smaoineachadh gu’m paigh sid air son na dh’ ol mi,” ’s thug e chasan leis. Tha de theachd-a-steach aig a cheart duine sin coig mile deug air fhichead punnd Sasunnach, (£35,000) ’sa bhliadhna! Fas us Cnamh na Gealaich. So mar tha Innseanaich fhiadhaich America a cur solus air fas ’s air cnamh na gealaich:— ’Nuair tha ’ghealach lan tha droch spiorad a’ toiseachadh air a criomadh, agus tha e ’leantuinn air crioman beag itheadh a h-uile latha gus mu dheireadh am bheil i air teirgsinn; agus an sin tha ’n oidhche uile gu leir dorcha. Ach cha cheaduich an Spiorad Mor na droch spioradan a bhi dol mu’n cuairt san dorchadas ris gach olc is ail leotha; agus tha e ’cruthachadh gealach ur, a cur pios us pios rithe a h-uile h-oidhche gus am bi i air a criochnachadh. Tha e an sin a dol a chadal, agus tha na droch spioradan a gabhail a chothroim agus a toiseachadh ri itheadh na gealaich a rithist. ’Nuair gheibh iad greim aon uair tha iad coltach ris na cnuimheagan agus cha ghabh iad cur as gus an ith iad an t-iomlan. DUTHCHANNAN CEIN. Chaidh corr us tri fichead mile tunna feoir a chur air a gheamhradh so a Canada gu ruige Breatuinn. Bha stoirm mhor ann an Kentucky Di-luain s’a chaidh, uisge ’s sneachda, ’s gaoth thuathach. Ann an Nebraska tha na roidean air an dunadh gu buileach. Ann an aon bhaile ’sa Stait sin, Omaha, thuit suas ri da thraigh de shneachda. ’Si stoirm cho trom ’sa bha aca ’sna cearnan sin o chionn bhliadhnaichean. Thug na Frangaich ’s na Breatunnaich deannal no air a cheile, chionn ghoirid, ann an Africa. B’ iad na Frangaich a thoisich an da thurus agus ’s iad a fhuair a chuid bu mhiosa. Bha iad a gabhail orra gu’m b’ann le iomral a loisg iad air na Breatunnaich, agus ’s co math do na Breatunnaich sin a chreidsinn ri dhol a dh iarraidh dearbhaidh. Tha muinntir Iceland a sior fhagail an duthcha fhein ’sa tighinn gu Manitoba. Tha iad nan daoine siobhalta, stuama, agus faodaidh duthaich sam bith gabhail riutha gu toilichte. Tha eilean Iceland tuilleadh us faisg air an aird a tuath air son a bhi na aite taitneach do shluagh a bhi comhnuidh air. A bharr air so tha e buailteach do chritheanna-talmhainn, cha’n eil e ro thorach ann am barr, agus bi’dh an sluagh bochd gu tric na’n eigin. A reir gach uile choltas cha teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi e air fhasachadh gu buileach. Tha aon de dh’eileanan nan Innsean an Iar (Hayti) a tha fo uachdranachd nan daoine dubha. ’Se comh-fhlaitheachd a th’ aca, agus tha ceann-suidhe air a thaghadh leis an t-sluagh mar tha ceann-suidhe nan Staitean Aonaichte. Tha fear-ionaid aig na Staitean anns an eilean sin mar tha aig gach rioghachd us duthaich eile. Dh’fhiadhaich ceann-suidhe Hayti (da’n ainm Hypolite) fear-ionaid nan Staitean (da’n ainm Smythe) gu dhinneir maille ris, ach cha rachadh an duine spaideil sin ann, no taing, a chionn gum bu dhuine dubh am fear eile! Cha’n fhaod a bhith nach toir Cleveland air an duine ud tilleadh dhachaidh cho luath ’sa ghiulanas smuid us uisg e. [TD 226] [Vol. 2. No. 30. p. 2] Taillear Ghearraidh-bo-stig. LE IAIN. (Air leantuinn.) An uair a chual’ a’ bhaineach mar a labhair i ris an taillear, rinn i glag mor gaire, agus bhuail i a da bhois ri’ cheile, agus thuirt i gu reiceadh i e air seana bhreid-broige, ged bu leatha fhein e. Dh’ eirich an taillear ’na sheasamh an uair a chual’ e bhith ’ga dhimeas cho mor, agus thuirt e, “Gu seachnadh Dia air gach neach a’s ceisdeach leamsa bhur seorsa-se. Agus ni mise m’ uile dhichioll air sibhse ’sheachnadh air cach.” Ghearr e cruinn-leum thun an doruis, agus dh’ iarr e air ’oide bhith falbh comhladh ris, agus thuirt e nach b’ e rath no sonas a chuir a steach fo ’n ard-dorus iad am beul na h-oidhche. An uair a bha e eadar dha bhi a’s dorus thug e boidean air peighinn is leith an domhain nach fhaiceadh fear no te eile esan a’ dol tomhas na troidhe a a dh’ iarraidh boirionnaich fhad ’s a bhiodh an anail sios is suas ann. Chuir e an oidhche sin seachad ann an taigh oide, agus e gun smur gun smalan air, ach na bh’ air de bhron ag ionndrainn ’athar. An ceann latha no dha thainig teachdaireachd a dh’ iarraidh an taillear gu taillearachd, agus dh’ fhalbh e mar bu ghnath leis le ’shiosar ’s le ’mhiaran ’s le ’shnathaid, agus rainig e a cheann-uidhe. O’n a bha e gun athair gun mhathair, gun phiuthair gun bhrathair, gun charaid gun ghaoltach, ach a mhuime agus oide, rinn e a dhachaidh de thaigh Mhicheil; o’ na bha a bhothan bochd, dubh, udluidh fhein gun teine gun tuar. Cha robh dith no deireas air o thaigh gu taigh re shig laithean na seachduin, agus ghabhadh Micheal agus a bhean ris a a h-uile oidhche Shathurna mar gu ’m b’ e an gineil fhein a bhiodh ann. Bha na bliadhnachan a’ dol seachad air an doigh sin—Micheal a’ togail na canach, agus gach sgillinn airgid a bha ’n taillear fhein a’ faotainn, bha bean Mhicheil ’gan cur ann am minicheag uain a steach fo ’n chasan. Cha robh de dh’ earnais ann an taigh Mhicheal ach da leabaidh—leaba mhor egus leab’ ard; sreath chlach mu choinneamh an teine, agus sgrath reisg air an uachdar gu beinge; tri sunnagan connlaich, loban gu gleidheadh shil; ciste gu gleidheadh mhine; coidhean gu gleidheadh ime; noigean gu bleoghan bhainne; miosair shuidheachaidh no dha; crannachan is loinid is roineachan; spal-ladhair gu fighe nam plataichean; corc-rasair gu marbhadh agus gu gearradh na feola; da chuaich fhiodha, agus da spain adhairc. Cha robh de bhord bidh aca ach gluinean bean an taighe. Bha ’n earnais a reir an latha agus na linn anns an robh iad beo. Ach an deigh a h-uile cuis, eadar na bha Micheal a’ deanamh a dh’ aiteach agus na bha ’n taillear a’ cosnadh, maille ri maruinn spreidhe, cha robh dith no deireas orra latha deug ’s a’ bhliadhna. Bhiodh cal gu leor an cur aig Micheal, agus o’n a thigeadh an t-samhuinn gu toiseach an t-samhradh bhiodh iad gu math roipeiseach air bruthaiste, muilt-fheoil is muic-fheoil is mairt-fheoil. An uair a thigeadh an t-earrach steach chuireadh bean Mhicheil da mhogan oirre, agus a cliabhan beag eallaich air a muin, agus bheireadh i a’ sgeir-leathann oirre a mhaorach. Ri traigh reodhairt bheireadh i dhachaidh eallach a droma eadar fhaochagan is bhairnich is chrubagan is phortain; agus an uair bhiodh a’ chonntraigh ann bheireadh i dhachaidh luma lan platadh de shlocan ’s de dhuileasg ’s de ghruaigean. Bhruicheadh i dhaibh e, agus ghabhadh iad an sath dheth; agus dh’ oladh iad an diol de shaile nam bairneach an uair a bhiodh feum aca air. Bha ’n triuir aca cho fallain ris a’ bhreac, cho reamhar ris an ron, cho gionaich ris an trosg, agus cho sgaiteach ris a’ bhioraich. Thainig atharrachadh dreach agus cruthachd air agaidh an taillear comhladh ri ’mhuime ’s ri oide; agus ma bha e smearail eutrom, aigeannach, uallach, gu ruith ’s gu iomain roimhe sid ’s ann a bha e nis seachd uairean ni bu smearaile na bha e riamh. Bhiodh e aig gach iomain is ruith is leum a bhiodh eadar gob Rudha aird Mhicheil agus faoghail Mhic an Fhuidhear. Bliadhna dhe na bliadhnachan bha fleadh mhor aca Latha Fheill Micheil ann a’ Hogh-mor, agus cath choileach. Cha robh bean thorrach no lair shearraich eadar da cheann na duthchadh a b’ urrain a bhith lathair nach fheumadh a dhol deiseal a’ chlaidh an latha sin. Thog an taillear air gle’ mhoch ’s a’ mhaduinn, agus thug e leis a chaman, a cheithir spadagan ’s a bhadan mionaich. Cha robh e fada air ruidhinn an uair a thoisich an iomairt. Ged a bha a’ chuid bu mho de shluagh na duthchadh ann, cha robh gin aca ’dheargadh air an taillear ann an doigh dhe’n doigheannan. An uair a bha gach iomairt seachad sgioblaich an taillear e fhein gu dhol dachaidh, agus buaidh gach cluich aige, mollachd gach fir as a dheigh, agus beannachd gach maighdinn ’na lorg. An uair a bha e ’nuas Carnan Diarmain air machair a’ mhiogadain, agus e cheart cho luath ri boc earba, smaoinich e gu suidheadh e greis a leigeil analach. An uair a shuidh e air an tulaich thug e an aire do chlaigionn duine air tighinn ris an aghaidh a’ bhruthaich agus na fiaclan a bh’ ann cho geal ri canach an t-sleibhe. Thog e ’na laimh e; dhur-bheachdnaich e air, agus thuirt e, “Cha bu bheag leud do chlaragan ann an ceapaire math Latha Fheill Micheil.” Thilg e uaithe an claigionn, thug e dudar leum as, bhuail e breab air a’ chlaigionn, agus chuir e da chlaraig as. Ch’ fhag e an claigionn an sid fo ghaoith ’s fo uisge, agus thug e na buinn dhith. Cha bhiodh an traigh ann gu anamoch air an oidhche; agus mu’n d’ fhuair e an fhaoghail a chur as a dheigh bha gach duine air a dhol a chadal. Ghabh e tarsuinn Gearraidh Dhomhuill ann an Liona-cleit ballgacha direach gu ruige Gearraidh-bo-stig. Agus an uair a bha e ’dol seachad air an taigh a bh’ aig ’athair, ciod a bhuail ’s a’ cheann aige ach gu’n cuireadh e seachad an oidhche ann, o nach do chaidil e riamh ann o’n a chaochail ’athair. A uair a rainig e ’n dorus ciod a b’ iongantaiche leis na solus briagha geal a bhith ’dearrsadh a mach fo bhonn na comhladh. “Ubh, ubh, ciod e so?” ars’ an taillear ris fhein. “An iad na sithichean a th’ ann? Cha robh mi riamh gun bhuaidh gach cluich agam, agus bidh buaidh na cluiche so agam mar an ceudna.” Le’ cheanna-bheairt lachduin m a cheann, a chaman na laimh, agus a chaiseart ’na achlais, ghabh e e gu neo-sgathach a dh’ ionnsaidh na comhladh, dhragh e an iall, dh’ fhosgail an dorus, agus ma dh’ fhosgail, stad an da shuil ’na cheann an uair a chunnaic e na bha roimhe. Co bh’ann ma ta ach a’ bhaineach, agus i ’n deigh an taigh a sgriobadh ’s a sguabadh. Bha ’n leaba air a caradh aice, agus bha gealbhan briagha air a’ chagailte. “Ciod e, a bhan-eucorach, a tha [TD 227] [Vol. 2. No. 30. p. 3] thusa ’deanamh an so?” ars’ an taillear. “B’e sin mi da rireadh an uair nach fhad’ o thainig mi a chur do thaighe sa air doigh,” ars’ ise, Bu tusa an truaghan an oisinn taigh fir eile, agus do dheadh thaigh fhein a’ dol a dholaidh.” “A phlaigh nan seachd sitigean,” ars’ an taillear, “mur bi thu ann am briobadh na sul air chul an dunaidh, bheir mi air chasan troimh ’n teine thu. Mur bitheadh do dhroch bheul-sa bhiodh te’ agamsa a b’ fhearr a chumadh mo thaigh na thusa ’nochd.” Leis cho garg ’s a labhair an taillear—agus b’ e ’cheud uair dha e—thug i leum aisde thun an doruis, agus cha mhor nach tug i leatha ’chomhladh ’s na h-ursannan m’a ceann. Leig i rannaghail de dhroch cainnt aisde air an t-sitig, thionndaidh i clach air aimhleas an taillear, agus chairich i air lic dhilinn i, agus thug i na buinn as dha bothan fhein. O’n a bha ’n taillear sgith an deigh a thuruis agus an taigh seasgair, blath, smaoinich e gu sineadh e a chliathach car aon oidhche anns an leabaidh anns an do thilg ’athair agus a sheanair an anail. Thilg e dheth gach snaithle mhathar a bh’ air, agus chaidh e chadal. Bha ’n gealbhan a’ gabhail gu boisgeil. An uair a leum air a’ mheadhon oidhche chual’ e guth fann air an luidheir, ag radh; “Am bheil thu ’staigh, a thaillear? Bha mise latha nach cumadh tu ruith no cluich no leum rium. Ma chuir thusa da chlaraig asamsa an de, cuiridh mise da chlaraig agus da chulaig asadsa ’nochd.” Bha ’n t-anam gu leum as an tailleaar, agus e air a dhruim direach anns an leabaidh. “Thig a mach, a thaillear,” ars’ an guth. Cha robh smiach aig an taillear. “Greas a mach, a thaillear,” ars’ an guth. Caa ghluaiseadh an taillear lamh no cas ged a gheibheadh e ’n Crun Rioghail agus rioghachd fhearainn. Bha driuch falluis air a h-uile gaoisnean fuilt a bh’ air a cheann leis an eagal. Bha boillsgeadh beag as an teine, agus chunnaic e an claigionn a’ tighinn a steach air an luidheir mar eun air iteig. Agus thainig claigionn mor eile steach air uinneig thuill a bha mu choinneamh an teine, agus chaidh e (Air a leantuinn air taobh 6.) eadar an claigionn a thainig a steach air an luidheir agus an raillear. Thoisich na claignean air gabhail dha cheile, agus fear aca air gach taobh de’n t-slabhraidh. Bha ’n claigionn a thainig ’a steach air an luidheir ag iarraidh thun an taillear, agus an claigionn a thainig a steach air an uinneig ’ga chumail uaithe. An uair a bheireadh iad greis air leum air a cheile, shuidheadh iad an sin gu baisgeanta, fear air gach taobh de’n teine, mu choinneamh a cheile. An uair a bhiodh iad greiseag ’nan tamh, thoisicheadh iad a rithist air a cheile. Is gann a bha fhios aig an taillear co dhiubh a bha e beo no marbh leis mar a chaidh e troimh a cheile leis an eagal. Dh’ eirich an coileach beag glocanach, stocanach, stacanach a thug a’ bhaineach do ’n taigh agus bhuail e’ dha sgeith tri uairean ri’ churach, agus ghairm e tri uairean gu binn, boidheach. Ghrad thug fear dhe na claignean ’aghaidh air an luidheir, agus thug am fear eile ’aghaidh air an uinneig thuill, agus dh’fhalbh iad. Fhuair an taillear rud-eiginn de mhisnich an uair a ghairm an coileach agus thug e earraig air eirigh gus a dhol do thaigh ’oide do ’n Ghearraidh-bhuidhe. Ged a thug, cha’n amaiseadhh e air snaithle aodaich a chur uime leis an eagal. Bha ’n anail an aird a’ chleibh aige, agus b’eiginn dha tilleadh do’n leabaidh. Cha robh e sion sa o ghalta ach air a thaobh a shineadh innte an uair a ghairm an coileach an darna turus. O’n a bha ’n taillear bochd sgith ’na chorp an deigh gach cluich, agus saruichte ’na inntinn le eagal, thuit clo cadail air. Cha robh e fada air tuiteam ’na chadal an uair a chual’ e guth tiamhaidh ag eigheach tri uairean, agus ar leis gur e guth a sheanar a bh’ ann. Thuirt an guth, “A thaillear, a thaillear, an cluinn thu mi? agus eisd riun.” Dhuisg an taillear, agus thuirt o gu neo-sgathach, “Eisdidh, eisididh.” Thuirt an guth ris an uair sin, “Ge b’e air bith aite anns am faic thu cnaimh do cho-chreutair na buail ’s na brist e. Chuir thusa da chlaraig as a’ cheann ud an de, agus bha e latha dhe laithean gur beag a dheanadh tusa ’na lamhan. Ge b’ e aite am faic thu cnaimh duine comhdaich e le duslach na talmhainn, na loisg cnaimh caorach. Mur bhitheadh mise bha thusa an nochd air a bhith ’n geall na b’ fhiach Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubaichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riaraichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts., agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 228] [Vol. 2. No. 30. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEB., 17, 1894. THUG luchd-riaghlaidh Nobha Scotia ionnsuidh air an earrach so air cur as do thigh nan Comhairleach. Chuir tigh nan Cumantach an aonta ris a bhill, ach ’nuair a rainig e na Comhairlichean fein chaidh a bhreabadh a mach as an tigh mar ni nach b’ fhiach, ged a gheall moran de na ceart fhir mu’n d’ fhuair iad do’n tigh, gun cuidicheadh iad leis an luchd-riaghlaidh uair sam bith a bhiodh iad air son a Chomhairle chur as. Tha gach fear de na daoin’-uaisle so a faighinn coig ceud dollar ’sa bhliadhna mar thuarasdal, agus ’ga chosnadh gle shocair. Tha iad an sid ri’m beo no gus an togair iad fein tighinn as, agus mar sin tha iad an duil gu bheil iad air neor-thaing, agus gu’m faod iad an geallaidhean a bhristeadh, agus cluas bhodhar a thoirt do iarratusan an t-sluaigh, direach mar a thogras iad. Ach ’se barail gach aon a thug smuain do’n chuis, gu bheil an laithean air an aireamh, agus nach bi ’n uine fada gus am feum iad an greim-bais a tha iad a deanamh air an onair ’s air an tuarasdal a leigeil as an deigh a h-uile rud. FHUAIR muinntir Eilean a Phrionnsa agus muinntir Ontario cothrom air a gheamhradh so air am barail a thoirt seachad air co-dhiu bu choir bacail a chur air reic na deoch-laidir, agus a nis tha’n cothrom ceudna ri bhi air a thoirt do mhuinntir Nobha Scotia. Tha bill air a dhol troimh thigh na parlamaid ann a Halifax, agus aig am taghaidh a tha nis, mar tha fhios aig a h-uile aon, gle fhaisg air laimh, gheibh gach duine cothrom air a bharail a thoirt seachad. Thug muinntir Eilean a Phrionnsa agus Ontario am barail gu laidir air taobh bacail an uisge-bheathe agus cha’n eil e ao-coltach gu’m dean muinntir na mor-roinne so an ni ceudna. Gheobhair ann an ait eile ainmean na muinntir a tha ’paigheadh MHIC-TALLA air son a bhi ’gan taghal uair ’san t-seachdain. Tha iad so agus an fheadhain a phaigh roimhe a nochdadh gu bheil iad dhe’n bharail gur fhiach am paipear a phaigheadh cho math ’s is fhiach e ghabhail ’sa leubhadh. Tha sinn an dochas nach fhada gus am bi ar luchd-leubhaidh uiai dhe’n bharail cheudna, agus gu’n toir iad cothrom dhuinn air an ainmean e chur an cho comhlath ri cach. A GHAIDHEALTACHD. Dh’eug fear Ardra Henderson ann an Glascho toiseach a mhios so air doigh iongatach. Bha fiaclan meallta aige agus ge air bith a bha e deanamh shluig e iad. Dh’fheuch na dotairean ri ’n toirt as, ach dh’ fhairtlich orra, agus chaochail e an ceann beagan uime. Tha stoirmeannan aca air a Ghaidhealtachd cho math ’sa againn ’san duthaich so fein. Tha sneachd us uisge ma seach aca, agus tha na roidean ann an droch shuidheachadh. Tha iadsan a tha ris an iasgach a fulang moran anraidh, agus tha iad gu tric ann an cunnart gu’n caill iad am beatha. Chaidh Iain Friseal Domhnullach, taillear a mhuinntir Ghlascho a chur do’n phriosan fad shia miosan air son da fhichead punnd ’sa sia de dh’airgiod Comunn nan Taillearan a ghoid, agus air son suim airgid a tharruing as a bhanca an ainm fir eile, run-chleireach a chomuinn cheudna. Thuirt am Breitheamh mur biodh gu robh e na dhuine bochd agus gu robh teaghlach lag aige gu’n toireadh e dha air a chuid bu lugha bliadhna dhe’n phriosan. ’Se Minard’s Liniment a’s fhearr. Chaidh fear Iain Murphy a mhuinntir Chow Bay a ghoirteachadh gu dona aig an International Pier, Di-ciaduinn air an t-seachdain ’sa chaidh. Bha ’aodann air a ghearradh gu granda agus b’ fheudar do’n dotair fhuaigheal. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e ’dol gu math na’s fhearr. Leighseadh mise o’n Ghrip le MINARD’S LINIMENT. C. I. LAGUE. Sydney, C. B. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LINIMENT. TEARLACH PLUMMER. Yarmouth, N. S. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. LEWIS S. BUTLER. BURIN, Nfld, Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 229] [Vol. 2. No. 30. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil an t-Urr. M. A. Mac-a-Phearsain, Sagart a Bhras d’Oir Bhig, a bha gu tinn, air a dhol am feabhas. Tha Parlamaid Chanada air a gairm gu bhi cruinn air a choigeamh latha deug dhe’n Mhart. Sgaoil Parlamaid Nobha Scotia feasgar Di-luain s’a chaidh, an darna latha deug. Tha ’n deigh eadar Sidni us Sidni-a-Tuath a nis air a meas laidir gu leor, agus tha moran ’ga gabhail a h-uile latha, ach cha’n i idir cho math ’sa bhitheadh i mur biodh na h-uiread de shneachd oirre. Dh’ eug duine ann an Douglas, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, aig an robh sia duine fichead cloinne, ’s bha ochd deug dhiubh sin beo aig am a bhais. A bharr orra so dh’fhag e ceud ogha agus coig deug de dh’iar-oghaichean. Aig Upper Stewacike, N. S., bha fear Alasdair Miller, an la roimhe a dol dhachaidh o bhi air cheilidh an tigh nabuidh dha, agus thuit e air an deigh. Ghoirticheadh e cho dona ’s ged bha gach ni a b’ urrainn dotairean air a dheanamh ris, gun dh’eug e an ceann latha no dha. Chaidh fear Henry Battersby a leon gu dona aig an International Pier Di-ciaduinn s’a chaidh. Bha e ’g iarraidh lod gnail, agus air dha bhi cladhach as an torr thuit e air a mhuin agus bha e car greis na shineadh fodha mu’n d’ fhuaras a thoirt as. Cha’n eil fhios ceart fhathast air cia mar a theid dha. Cha’n eil sinn air a gheamhradh so idir aineolach air stoirmeannan sneachda. Air an t-seachdain so, bha’n t-each iaruinn air a chumail air ais gun faighinn gu Sidni o mhadainn Di-luain gu feasgar Di-ciaduinn. Ann an aon aite stad an t-each a ghabhail deoch, fhuair an t-uisge ma chuibhlean a charbaid agus reoth iad air an rathad cho teann ’s gu’n tug e corr us da uair a thim dheth ’n luchdoibreach mu’n d’ fhuair iad am fuasgladh. Chuir muinntir Chanada gibht bainnse gu Ban-phrionnsa May bean Sheorais, mac Prionnsa Wales, B’e ghibht sin sleighe air a deanamh cho briagha ’s cho cosgail ’s cho riomhach ’sa b’ urrainn i bhith. Chuir mnathan na duthcha an t-airgiod cruinn, agus an deigh an t-sleighe phaigheadh fhuaras gu robh de chorr ann na cheannaicheadh paidhir each, agus tha iad a nis air an turus gu Sasuinn. Tha iad ag radh gu bheil iad na’n ainmhidhean co cumadail, dealbhach, ’sa ghabhadh faotainn. Tha e air aithris an drasd gu bheil, air an t-samhradh s’a tighinn, carbad iaruinn ri bhi falbh a Sidni a h-uile feasgar, a bharr air an fhear a bhios a falbh ’sa mhaduinn mar a a b’ abhaist. Tha aiteachan cadail ri bhi anns an fhear so, agus cha chuirear dragh sam bith orra-san a bhios air bord gus an ruig iad St. John, N. B. Air an doigh so faodaidh neach am baile so fhagail feasgar an diugh, mar gu’m b’ eadh, agus a bhi ann am Boston feasgar am maireach. Ann am Melbourne, Australia, fhuaradh bean da’m b’ainm Mrs. Knoor cointach de mhort. Bha i cumail taighe anns an robhas a gabhail a steach leanabanan aig nach robh neach a’ gabhail curam dhiubh, agus cha mhor nach do mharbh i a h-uile gin a bha fo ’curam. Chaidh a diteadh agus a crochadh air a mhios s’a dh’fhalbh. Dh’aidich i a cionta agus bha i gabhail oirre bhi anabarrach duilich air son a h-obair, ’s bha i ’g radh gu robh i ’n dochas gu’m biodh a crioch-se na rabhadh do mhuinntir eile. Bha’n t-Urr. I. F. Forbes air a phosadh ri Eaglais St. Andrew’s feasgar Di-ciaduinn s’a chaidh. Bha a Chleir cha mhor uile cruinn, agus bha ’n t-seirbhis air a cur air aghart gu h-ordail. Shearmonaich an t-Urr. Uilleam Grannd, agus an deigh do’n Chleir uile failt ’a chur air Mr Forbes mar aon diubh, rinn an t-Urr. D. Mac-Ille-mhaoil oraid ’ga earallachadh, agus rinn an t-Urr. D. Drummond oraid eile ag earallachadh an t-sluaigh. An deigh sin thugadh an t-seirbhis gu crich leis an Urr. E. B. Mac Raing, ceann-suidhe na Cleire. Tha sinn fior thoilichte gu bheil cubaid St. Andrew’s air a lionadh aon uair eile, agus air a lionadh cho math. Iadsan a Phaigh. Nial Caimbeal North Wiltshire, E. P. I. S. D. McPhee, Gleann Uilleam, do. J. J. Mac-a-Phi, Little Sands, do. Alasdair D. Mac Leoid, Kinross, do. An t-Urr. R. Mac Coinnich Arasaig, N. S. D. S. Mac Gilleain, Halifax, do. An t-Urr. D. Camaran, Georgeville, do. Domhnull Currie, Flesherton Sta’n, Ont, An t-Oilear Harris, Kingston, do D. I. Friseal, Vankleck Hill, do. Frank Anderson, Niagara Falls, do. I. R. Mac Coinnich, Skye P. O., do. A. B. Mac Leoid, N. Plymouth, Mass. An t-Urr. D. Healy, Peirce City, Mo. Ceit Nic Iomhair, Boston, Mass. D. Mac Fhionghain, Earlswood, N. W. T. D Mac Cuaig, Abbottsford, B. C. C. L. Domhnullach, Skeabost, ’san Eilean Sgiathanach, (2). D. Mac Laomuinn, Glaschu, an Alba I. Mac-an-Toisich do. Coinneach Mac Fhearghais, L’Ardoise. D. I. Mac Philip, L’Archeveque. Ruairidh C. Mathanach, Grand River. Aonghas Munroe, Lorway Mines. Seumas Mac Gilleain, Clarkes Road. Iain A. Mac Gilleain, L’Ardoise. Aonghas D Moireastan, Baile nan Gall. Iain A. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie. Aonghas Gillios, Orangedale. Calum Mac Leoid, do. Iain Mac Leoid, Beinn nan Sgiathanach. A. R. Mac-a-Phearsain, Blues Mills. I. E. Mac Leoid, Ingonish. Ailain Mac Pharlain, Dunbheagain. Iain K. Mac Rath, Boulardarie Centre. Bean L Dhomhnullaich, Malagawatch. Seumas Mac-a-Phi, Louisburg. D. Mac Cuidhein, Cow Bay. Aonghas I. Gillios, Gillis’ Point. Uisdean Mac Cuish, Cow Bay. Uilleam A. Friseal, Big Harbonr. R. Mac Gilleain, St. Esperit. Leighsidh Minard’s Liniment Grip. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 230] [Vol. 2. No. 30. p. 6] thu. Bi faicleach le d’ laimh agus le d’ fhacal as a dheigh so; oir chuir thu mise gu mor-dhragh an nochd. Sith na dheigh so do d’ chos-cheumannan, agus Muire fhein ’gad’ leantuinn.” Dh’fhalbh an guth. Dh’ aithnich an taillear gu math ’s gu ro mhath gur e guth a sheanar a bh’ ann. A chur an sgeoil an aithghearrachd, thuit an taillear ’na chadal gu trom agus gu math trom, agus bha’ ghrian a’ gabhail a cursa gu seimh agus gu math ailleanach ann an cridhe na h-aird-an-eara-dheas mu’n d’ thug e a rosgan o cheile an la-iar-na-mhaireach. An uair a dh’ eirich an taillear bha ’n coileach beag ’ga chlumhadh fhein ann an oir na luathadh. “Is tusa ’s mo a thug de mhisnich agus de thoileachadh dhomh na bhana-bhuistreach a thug do ’n taigh thu,” ars’ an taillear. Thuit e mach gu robh sgonn de shrubhan ann am pocaid an taillear. Shuath e eadar a bhasan e, agus thilg e thun a’ choilich air bathais an urlair e, agus thug e ’n dorus air. Rainig e taigh Mhicheil, agus ma rainig, ’s ann ris a rinneadh an suillean; oir bha eagal orra nach tigeadh a bheo no’ mharbh gu brath o’n nach d’ thainig e an oidhche roimhe sin. An uair a fhuair an taillear ’annail a tharruinn dh’ innis e facal air an fhacal mar a dh’ eirich dha o’n a dh’ fhalbh e. Ghrad thuig Micheal agus a’ bhean mu chuilibheartan na baineich. Bhuail a’ bhean an tairig air a ceann, agus thuirt i ris gur ann a bha uigh aig a’ bhaineich i fhein ann. “Biodh sin mar a thogras e,” ars’ an taillear, “ach ged a bhiodh aigileannan de ’n or o a cluasan, agus a’ ghrian ag eirigh eadar a da shlinnean, is i an te mu dheireadh de ’n ch[?]nne-daon a ghabhainn mar cheile.” “Is fior e, a dhalta,” ars’ a mhuime, “nighean na mathar nach do chuir dhachaidh na fuigheagan a dh’ ionnsuidh a ban nabuidh riamh.” Is e’ chomhairle ’chinnich ann an seann Mhicheil gu falbhadh an taillear cho luath ’s a thigeadh tonn o chloich air a’ chois-cheum cheudna, ballgacha-direach, gu Carnan Diarmain; air machair a’ mhiogadain, agus gu ’n tiodhlaiceadh e an claigionn ’s a’ ghainmhich. Dh’ aontaich an tailiear leis gach facal a thuirt Micheal; agus aig fior thoiseach na trathad thog e air le’ chuaille ’na laimh, agus dh’ fhalbh e. Gheall e bhith air ais roimh thrath cadail. Rainig e Carnan Diarmain. Fhuair e an claigionn agus an da fhiacail mar a thnit iad as. Chaidh e air a’ ghluin dheis agus ’aghaidh an cridhe na h-aird a’ deas, agus a lamh thoisgeal air a leas, agus chairich e ’n claigionn anns a’ cheart bhad anns an d’fhuair e e, agus chuir e gainmheach air a mhuin. Thill e dhachaidh na ruith ’s ’na leum cho luath ri boc earba. Rainig e dhachaidh mu’n do chaidil iad. An uair a ghabh iad am biadh rinn iad deas air son a dhol a laidhe. Chaidil an taillear gu trom, socair, samhach, gus an robh a’ ghrian ann an aird nan speur an la-iarna-mhaireach. Chuir an taillear na bha roimhe dhe’ bheatha seachad mar a rinn ’athair agus a sheanair—a’ taillearachd o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile. Bha taigh Mhicheil ’na dhachaidh aige a h-uile latha riamh fhad ’sa bha Micheal agus a bhean beo. An uair a chaochail Micheal agus a bhean, dh’ fhag iad gach ni a bhuineadh dhaibh aig an taillear. Bu cho math leis a’ chorrabhinneach fhaicinn ris a’ bhaineich, ged a thachradh i ris air a’ bhlar. Is e thainig as a’ chuis mu dheireadh gn ’n d’ rinn an taillear agus an te a chaidh oide a dh’ iarraidh dha suas ri’ cheile, agus gu ’n do phos iad. Bha iad gu sona, seasgair, socair, samhach comhladh ri’ cheile fad iomadh bliadhna ann am measg cuid agus cothrom. Bha esan ’na dheadh fhear-ceairde, doigheil, deanadach, agus bha ise ’na deadh bhean taighe, cunntach, gleidhteach, glic. Mara tha ’m facal ag radh. “Cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheo.” Fhuair ise gach ni a dh’ fhag a h-athair, agus fhuair esan gach ni a dh’ fhag ’oide. Cha robh iad riamh gun chrodh gun chaoraich. Bha iad ann an sith ris na nabuidhean, agus bha muirn is meas is manran a’ gabhail comhnuidh nan dachaidh. Cha d’ fhuair fuachd no gorta aoidheachd aon oidhche riamh aca. Bha dithis mhac is aon nighean aca. Cha ’n ’eil sion a chuimhne aig duine a tha beo ciod e bu chinneadh do ’n taillear. Bha e fhein ’sa’ bhean beo gus an robh iad gle’ shean. An uair a dh’ eug iad chaireadh taobh ri taobh iad ann an cladh a’ Bhail-Uachdraich am Borogh, ann am Beinn-a-faoghla. (A’ chrioch.) Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 231] [Vol. 2. No. 30. p. 7] Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. V.—Air a leantuinn. Runaich Dearrsadh le run suidhichte gu’m bitheadh e fein na sgiobair, esan a chaith ’uine,—’nuair bha e ri seors’ obair, a’ strith ri co-chordadh litir aitheantan an Tighearna ri beag obair agus nuair bha e diomhanach ’g amharc air ’aghaidh nadurra fein ann an sgathan; oir bheachdaich e air fein, agus dh’ imich e roimhe agus dhichuimhnich e air ball ciod an coslas duine bh’ann fein. Uime sin thoisich e air cur siol an air-a-mach air feadh na luinge: ann an uine ghoirid fhuair Criosduidh a mach gu robh an sean-fhacal so fior: “Is iad naimhnean duine buill a theaghlaich fein.” Chuala Peadar agus Tomas briathran an t-Seann Duine. Thuirt Tomas gu robh deagh aobhar teagaimh aig na maraichean, ach thubhairt Peadar, “ni mise gniomh sgiobalta dhe’n t-Seann Duine so le a thilgeil thar na cliathaich; cha’n eil lagh ann air son fear-ceannairc. An sin bha cainnt gharg eatorra, gus na dhealaich iad ann an corruich,—Tomas chum labhairt ri Cridhe Cruaidh, Peadar chum a chlaidheamh a gheurachadh aig a chlaich-bhleith. An sin air do’n t-Seann Duine a cho-dhunadh gu robh ’n t-am ar-a-mach a dheanamh, chuir e dheth gach coltas feallsa, a cur an ceill gu robh Criosduidh ga’n treorachadh dh’ionnsaidh bas cinnteach, agus airson Imanuel, cha’n eil ann ach aon a chuireas muinntir eile air turus nach gabh e fein; ’se ni a b’fhearr dhoibhsan a dheanamh an soitheach a ghlacadh, a bhi ri malairt air feadh nan eileanan mu’n cuairt orra, a tha saoibhir ann an or, clachan luachmhor agus seudan, chum gu fasadh iad beartach agus gu’m pilleadh iad gu Bablion. Ghlaodh Dearrsadh gu h-ard: “Ho-lo! Ho-ro! air son na Banrigh Scarlaid,” gus na thilg Timoteus e null ris a chliathaich, ni a chrath an anail ’na chom. Sheas Eudmhor—a dh’fhas e fein mi-thoilichte—suas chum cur an aghaidh Thimoteus. An uair chuala Peadar an tuasaid, thuig e ’n t-aobhar agus ruith e gu toiseach na luinge le ’chlaidheamh ’na dhorn chum an Seann Duine ’bhualadh, ach thug Cridhe-subhach putadh dha air ais, ag radh, “Na dean cron ort fein.” (Ri leantuinn.) Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean uachdar, &c., ’s iad uile gle saor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 232] [Vol. 2. No. 30. p. 8] EALAG CHAMSHRON. Is oidhche dhomh ’n am aonar A siubhal fraoich is fasaich, Gu ’n d’ dhruidh an t-uisg’ air m’ aodach, Is shaoil leam a bhi baithte. Bha ’ghaoth a cheart cho fuath’sach ’S mo chluas nach cluinneadh tairneach.— Ceud soraidh slan do ’n ghruagaich ’Thug dhomh gun ghruaim an fhardach ’Nuair ranaig mise ’n teaghlach Bu chaoimhneil rium bha Sara, Gu ’n d’ fhuair mi cuid na h-oidhche Is roinn de ’n la-’r-na-mhaireach; Bha h-uile ni mar dhaoimean Gun fhoighneachd ’tigh’nn gu m’ ailgheas; ’S mo dhurachd-sa do’n mhaighdinn A rinn mo leab’ a charadh. B’i sid an leaba chliuiteach; Gu ’n gabhadh Diuca tamh innt’; Le iteagan ’s le dunnais, ’S le cuirteinean ur’ arda, Le cuibhrig dearg is uaine, ’S le cluasagan min, alainn:— Ged bhiodh an reothadh cruaidh ann Am fuachd cha’n fhaigheadh lamh-rium. Is math ’thig gun de ’n t-siod’ dhuit, Is breacar riomhach sgarlaid; Is lamhainean geal riomhach Mu d’ bhasan mine, bana; An t-suil a’s glaine lionadh, ’S do bhian mar shneachd an fhasaich; Gur son’ e, ge b’e og e, A gheibh le deoin do lamh-sa. ’N uair theid thu thun na h-airidh ’S a Bhraighe ’s tearc do shamhladh, A dheanamh muighe ’s cabaig, ’S a dh-arach laogh is ghamhna: Do phears’ tha direach alainn, ’S gur h-ailleagan ’sa ghleann thu; B’ e ’n solas a bhi comhl’ riut Seach storas Thighearna Ghrannda. ’Nis bheir mi dhuit mo sheoladh, Mar ’s eol dhomh, ann an danachd; Bi ’fuireach bho gach goraich’, ’S do dhoigh na doir do mhanran. B i ’n comhnaidh banail, stuama, S fear-fuadain na leig teann ort; Is chi thu le do shuilean Gur cuis sin nach dean call dhuit. Gur h-iomad caileag bhoidheach A b’ eol dhomh ri mo la-sa, A chaill le falbh na h-oidhche A h-aoibhneas is a h-ailleachd. Tha iad an nis is gnuig orr’ An cuil gun fhear thig lamh-riu; Gur daor am paigheadh sugraidh ’Bhi ’tabhairt gluin do phaisde. Mu Lochaidh ’sann tha seorsa Na h-oigh’ mu bheil mi ’seanachas; Na fleasgaichean grinn’, boidheach ’Tha eolach air gach fear-ghleus; Fir ghasda dha ’m bu dual An am cruadail a bhi calma.— ’S e ainm na maighdinn shuairce Mu ’n cualas Ealag Chamshron. Mo ghuidhe dhuit ’s mo dhurachd Gach cuis a dhol gu brath leat, A nighean mhaiseach chliuiteach A’s fiughantaiche nadur. Do chliu bidh mise ’g innseadh Le firinn anns gach aite.— Ceud soraidh slan do’n mhaighdinn A rinn mo leab’ a charadh. Rinneadh an t-oran boidheach so leis a Bhreabadair Mhor. ’S e Frisealach a bh’ann. Bha e fuireach an Ionarnis, ach is ann a mhuinntir Bhaideanaich a bha e. Cha robh ann ach duine bochd. Bhiodh e siubhal feadh na duthcha. Bha e anabarrach gu ith nuair a gheibheadh e biadh. Bhiodh e ri orain. Thanaig mise do’n duthaich so sa bhliadhna 1823. Bha e beo an uair sin. EALASAID NIC-COINNICH. Sept. 4, 1877. POSAIDHEAN. Aig Loch Lomond, an 16., la de Ianuaraidh, leis an Urr. Mr Mac Leoid. Gilleasbuig Mac-a-Phiocair us Rebeca Nic Leoid. Aig Sunny Brae, Pictou, 31mh Ian., leis an Urr. Seumas Sinclair, Tsmas M. Siosal us Isabel H. Dhomhnullach nighean Thomais Dhomhnullaich. Aig Wellington, B. C., 22ra de Nov. 1893. leis an Urr I. W. Flinton, Sheumas Mac Ille-mhaoil, a Taobh Deas an Eilein Mhoir us Peigi Stiubhart a Eilean Phrionns’ Iomhair. Aig Port Hawkesbury, an 5mh la de Feb., leis an Urr. R. Domhnullach, I. A Mac Isaic us Anna Dhomhnullach, a Port Hood. BAIS. Aig St. Peter’s, Ian. 30mh., Iain R. Domhnullach, leth-cheud bliadhna ’sa seachd a dh’aois. Aig Ceap Mabou, Ian. 28mh, Alasdair Friseal, ceithir fichead bliadhna ’sa coig deug a dh’ aois. Rugadh e an eilean Chana, an Alba, agus bha e air aon de’n cheud fheadhain a shuidhich aig a Cheap. Aig Lorne, Siorramachd Phictou, Ian. 21mh. Uilleam Mac Leoid, tri fichead bliadhna ’sa deich dh’ aois. Aig Abhainn Bharnaidh, Ian. 12ra, Iain Ros. tri fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’aois. Minard’s Liniment air son Loinnidh. Minard’s Liniment air son an fhuilt. Tha na dotairean a’s fhearr a moladh K. D. C BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 233] [Vol. 2. No. 31. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBUARIDH 24, 1894. No. 31. Litir a’ Pictou. FHIR MO CHRIDHE—Mo bheannachd ort! Cha tig paipeir a choir an tighe ris an dean mi a leithid a dh’ othail ’sa ni mi ris a’ MHAC-TALLA. Tha a’ Ghaidhlig aige cho blasda ’s ged a gheobhadh e ’arach ann an Earraghaidheal, fada air falbh ann an Tir nan Beann. Gum-a fada bhios e air chomas a chuairt chairdeil a chur fo sheachduinn gu seachduinn air feadh nan Gaidheil anns gach aite ’sam bheil iad,—agus c’aite anns nach ’eil iad? ’S iomadh latha bho’n a thuirt an duine coir, Tormoid MacLeoid, (caraid nan Gaidheil) ged a thigeadh an latha anns an rachadh a Ghaidhlig fhuadach a Albainn—tir a duthchais—gu’m faigheadh i failte ’s furan agus a h-altrum le baigh ’s le muirn air feadh mhachraichean Chanada. Cha mhor nach ’eil an fhaistinneachd sin air teachd air bonn; agus cha mhor nach ’eil a Ghaidhlig ’an eiseamail aoidheachd fhaotainn ann an tir chein. Tha an sluagh aig an tigh air fas car suarrach m’a deighinn, agus tha na h-urrad leis an nar aideachadh gu ’m buin iad dh’ i, no gu’m buin i dhaibh. Cha ’n ’eil paipeir seachdainneil no miosail air a chur a mach innte,—cha ’n ’eil a h-aon, ’s cha robh bho chionn uine fhada, Agus na comhlain a tha aca anns gach baile-mor ris an abair iad comuinn Ghaidhealach, tha gnothach air a dheanadh aig ach coinneamh a bhios aca gu bnileach ann am Beurla chruaidh. ’De an corr tair na di-meas a’s urrainnear a dheanadh air a Ghaidhlig. Agus comhla ris a Ghaidhlig tha na seann cleachdanna ciatach a falbh cuideachd, agus na h-uile ni a fas gallda, gu ruig an t-feilleadh-beag fhein, ’sann ainmig a nis a chithear e, ach air Sasunnaich agus air goill a theid tuath gu sealgach. Tha Ceap Bhreatunn an diugh moran na’s Gaidhealaiche na teas-meadhoin siorramachd Rois! Tha mi toilichte ’chluinntinn gu’m bheil am MAC-TALLA a dol air feadh na Seann Duthcha, agus a faotainn tlachd agus caoimhneas. Tha caraid dileas aige ann am Ministeir Shniosairt, Mr. Mac Ruairidh. ’Sann aige fhein a tha a mheur air a pheann, agus an gnothach ris a Ghaidhlig a sgriobhadh. Air eagal gu’m bi mo litir tuillidh us fada leat, cha ’n abair mi ’n corr an trasda? ach cluinnidh tu bh’ uam a ris gu goirrid. A’s mi, le deagh dhurachd. Do Chairid dileas D. Mac EANRUIG. A’ Bheinn Ghorm, Pictou, 22, 2, ’94. Naidheachdan a Ceap Nor. Fhir-deasachaidh: Sgriobh mi g’ur n-ionnsuidh o chionn seachdain a’ gearain nach robh mi a faotainn MHIC-TALLA, ach thainig e fein air an la mhaireach, agus dh’innis e dhuinn ciod a dh’ aobharaich e bhi cho fada gun a ghnuis a noch dadh. Cha’n eil neach sam bith a tha ’gabhail ris mar is coir nach gabh a leisgeul air son an aobhair sin, ’s nach eil taingeil gu bheil an t-slainte air a h-aiseag dhuibh a ris. Cha’n eil naidheachdan agam ri’n sgriobhadh g’ur n-ionnsuidh ach naidheachdan a tha na’n aobhar broin do iomadh neach. Tha’m bas a toirt leis cuid de ar cairdean ’s de ar luchd-eolais, araon aig an tigh ’s ann an tiribh cein. Thainig fios chionn ghoirid gu’n robh am mac bu shine aig Tearlach Domhnullach air a mharbhadh gu h-obann far an robh e ’g obair ’sa choille ann am Minnesotta. Cha robh neach a chual’ an sgeula bronach so aig nach robh baigh us co-fhaireachadh ris an teaghlach d’an d’ thugadh a bhuille ghoirt. Us na’m measg bha Murchadh Mac Illinneain a fhuair bas o’n uair sin ni-eigin air an aon doigh. Mu mheadhon an ochdamh latha de’n mhios so fhuair e litir a Boston o nighinn da, ag innseadh gu’n robh a brathair a bha tinn ’sa bhaile sin o chionn bliadhna a dluthachadh ris a bhas. An deigh dha greim dinnearach a ghabhail, sgriobh e litir gu cabhagach dh’ionnsuidh a mhic. Mu dha uair feasgar chaidh e do’n choille, ’s na deoir na shuilean, a ghearradh connaidh. An deigh connadh a bha gearrte a chruinneachadh thuirt e ri mac og dha a bha comhlath ris, gu’m faodadh esan a dhol dhachaidh. Thoisich e fein air leagadh craoibhe, ach chaidh i ’n croich, a deanamh greim air meur craoibhe bu ghairbhe gu mor na i fein; a thuilleadh air sin bha da chraobh bheag eile ’ga cumail suas. Ghearr e iad sin us ruith e air ais cho fada ris a chraeibh mhoir, ach thuit am meanglan a dh’ ainmicheadh, ’s bhuail e air ’sa cheann, ’ga leagadh fodha ’san t-sneachda. Uine an deigh sin chuala cuid de na coimhearsnaich e ag eigheach. Rainig iad e cho luath sa bha na’n comas. Bha a thuigse ’sa chainnt aige car uine ghoirid an deigh sin, agus thugadh dhachaidh e le each us sleighe. Dh’ eug e mu ochd uairean an oidhche sin fein. Dh’eug an aon bhrathair a bh’aige o chionn cheithir miosan. Bu bhraithrean-mathar iad do’n Urr. D. Domhnullach a bha ’m Port Hastings. Bha ’m mac dh’ ionnsuidh ’n do sgriobh an t-athair ga adhlacadh ann am Boston air an la sin fein. Tha guthanna rabhaidh an so do gach neach a chuala no ’chluinneas iad;—Bithibh-se deas mar an ceudna, oir cha’n eil fios agaibh cia ’n uair anns an tig Mac an Duine.” M. D. Feb. 11, ’94. Toiseach na seachdain s’a chaidh bha stoirm ghabhaidh anns na Staitean a tuath. Bha choltas oirre gu ruigeadh a na mor-roinnean iosal so ach gu fortanach chaith i a neart mu’n d’ rainig i sinn. Tha sinn an duil gur i barail gach aon san duthaich so gu’n d’fhuair sinn ar cuid fein dhe’n gheamhradh cheana. [TD 234] [Vol. 2. No. 31. p. 2] MAC-AN-RUSGAICH. BHO SGEULACHDAN GAIDHEALACH LE I. F. CAIMBEUL. BHA tuathanach ann uair-eigin agus bha e ro dhona d’a sheirbhisich agus tra bhiodh an tim seribhis aca dluth air a bhi aig crich, gheibheadh e leisgeul gu connsachadh a dheanamh riutha, ’s chuireadh e air falbh iad gun tuarasdal. Chuir e air falbh morair d’ a sheirbhisich air an doigh sin. Ach bha fear pratail ann d am b’ ainm Gille-naomh Mac-an-Rusgaich; chual e iomradh air an tuathanach dhoirbh, agus thuirt e gu ’n gabhadh esan tuarasdal aige; gu ’n tugadh e car mu seach as—gu ’m biodh esan cho fada mu thuath ’s a bhiodh an tuathanach mu dheas. Chaidh Mac-an-Rusgaich thun faidhir na Feill-groig ’s ghabh e srabh ’n a bheul, mar ceomharradh gu ’n robh e toileach muinntireas a ghabhail. Thainig an tuathanach doirbh an rathad agus dh’ fharraid e de Mhac-an-Rusgaich an gabhadh e muinntireas, agus thuirt Mac-an-Rusgaich gu ’n gabhadh, na ’m faigheadh e maighstir math. “Ciod a bhios agam ri ’dheanamh,” ars’ esan, “ma ghabhas mi agadsa?” Ars’ an tuathanach, “Bidh agad ris a’ mhonadh a bhuachailleachd:” thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mi sin.” Thuirt an tuathanach, “Bidh agad ris a’ chrann a chumail;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mi sin.” “Bidh na h-uibhir de ghnothaichean eile agad ri ’dheanamh cuideachd,” ars’ an tuathanach: ’s thuirt Mac-an-Rusgaich; “Am bi na gnothaichean sin duilich a dheanamh?” Thuid am fear eil, “Cha bhi; cha ’n iarr mise ort a dheanamh ach rud a’s urrainn duit; ach cuiridh mi ’s a’ chumhnant, mur freagair thu gu ’m feum thu da thuarasdal a phaigheadh dhomhsa.” Thuirit Mac-an-Rusgaich, “Cuiridh mise anns a’ chumhnant ma dh’ iarras tu orm rud air bith a dheanamh ach rud a ’s urrainn domh gu ’m feum thusa da thuarasdal a thoirt dhomhsa.” Chord iad uime sin. “Tha mise” ars’ an tuathanach doirbh, “a’ cur anns a’ chumhnant ma ghabhas a h-aon air bith againn an t-aithreachas gu ’n teid iall a thoirt as a chraicionn o chul a chinn gu ’shail;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cuimhnich gu ’n d’ thuirt thu sin, a bhodaich,” ’s ghabh e muinntireas aig an tuathanach dhoirbh ’s chaidh e g’ a ionnsaidh. B’ i a’ chaid obair a chaidh iarraidh air Mac-an-Rusgaich a dheanamh e a dhol do ’n mhonadh a thilgeadh mona. Dh’ iarr Mac-an Rusgaich a bhiadh-madine m’ am falbhadh e’ ’s nach ruigeadh e leas tighinn dachaidh air a shon. Fhuair e na bha iad a’ lughasachadh de bhiadh do sheirbhisich aig aon trath, ’s dh’ ith e sin. Dh’ iarr e a dhinnear, ’s nach ruigeadh e leas stad aig meadhen latha. Fhuair e an lughasachadh a bha air-son a dhinneireach; ’s dh’ ith e sin. Dh’ iarr e a shuipeir ’s nach ruigeadh e leas tighinn dachaidh ’s an oidhche. Thug iad sin da, ’s dh’ ith e sin. Chaidh e far an robh a mhaighstir ’s dh’ fharraid e deth, “Ciod is abhaist do na seirbhisich agad a dheanamh an deigh an suipeireach?” Thuirt a mhaighstir ris, “Is abhaist doibh an aodach a chur dhiubh agus dol a laidhe.” Dh’ fhalhh Mac-an-Rusgaich far an robh a leabha; chur e dheth aodach, ’s chaidh e a laidhe. Chaidh a bhana-mhaighstir fara a robh fear a’ bhaile ’s dh’ fharraid i dheth, “Ciod an seorsa gille a fhuair thu an sud? dh’ ith e na tri traithean a dh-aon tuath, ’s chaidh e a laidhe,” Chaidh a mhaighstir far an robh Mac-an-Rusgaich ’s thuirt e ris, “C’ arson nach eil thu ag obair?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gu ’n d’ thuirt thu fein rium gu ’m b’ e a b’ abhaist do d’ sheirbhisich dheanamh an uair a gheibheadh iad an suipeir, an aodach a chur dhiubh agus dol a laidhe.” Thuirt a mhasghstir, ’s c’ arson a dh’ ith thu na tri traithean mar chomhladh? ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gu ’n robh na tri traithean beag gu duine a dheanamh sathach. “Eirich ’s rach gu d’ obair,” ars’ a mhaighstir. “Eiridh,” thuirt Mac-an-Rusgaich, “ach feumaidh mi mo bhiadh ’fhaotainn mar is cubhaidh dhomh, air neo bidh m’ obair d’ a reir. Cha ’n ’eil orm a dheanamh ach mar is urrainn mi,—feuch a bheil thu a’ gabhail an aithreachais a bhodaich?” “Cha ’n eil, cha ’n ’eil,” ars’ am bodach;” ’s fhuair, Mac-an-Rusghaich a bhiadh na b’ fhearr ’n a dheigh sin. Air latha eile dh’ iarr am bodach air Mac-an-Rusgaich e a dhol a chumail a’ chroinn ann an dail a a bha shios fo ’n tigh. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgiach; rainig e far an robh an crann; rug e air na naidnean ’n a lamham, ’s sheas e an sin. Thainig a mhaighstir far an robh e, ’s thuirt e ris, “C’ arson nach ’eil thu a’ deanamh an treabhaidh?” Fhreagair Mac-an-Rusgaich, “Cha ’n e mo bhargan treabhadh a dheanamh, ach a chumail a chrionn, ’s tha thu a’ faicinn nach ’eil mi a leigeil leis falbh!” “Na h-uire ’s na h-uireandan ort!” “Na h-uire ’s na h-uireandan ort fhein a bhodhaich l a bheil thu a’ gabhail an aithreachais de ’n bhargan a rinn thu?” “O, cha ’n ’eil!” ars’ am bodach. “Ma bheir thu dhomh duais eile air a shon, ni mi treabhadh,” arsa Mac-an-Rusgaich. O, bheir, bheir,” ars’ am bodac; ’s rinn iad bargan ur m’ an treabhadh. Air latha araidh dh’ iarr an tuathanach air Mac-an-Rusgaich e’ dhol ris a’ mhonadh a shealltainn am faiceadh e ni air bith air dochair. Chaidh Mac-an-Rusgaich ris a’ mhonadh, ’s an uair a chunnaic e ’thiom fein thainig e dachaidh, ’s dh’ fharraid a mhaighistir dheth, “An robh gach ni ceart anns a’ monadh?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Bha am monadh e fhein ceart;” ’s thuirt an tuathanoch, “Cha ’n e sin tha mise a’ farraid, ach an robh crodh nan coimhearsnach air an taobh fein?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ma bha; bha, ’s mur robh leigear da; ’s e mo bhargansa, am monadh a bhuachailleachd, ’s gleidhidh mise am monadh far a bheil e.” “Na h-uire ’s h-uireandan ort a bhalaich!” thuirt am bodach. “Ma gheobh mise duais eile airson an crodh a bhuachailleachd;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ma gheobh mise duais eile gabhaidh mi os laimh, ma chi mi crodh nan coimhearsnach air a’ ghrunnd agadsa, gu ’n till mi air an ais iad, agus ma chi mi do chrodhsa air grunnd nan coimhearsnach, tillidh mi air an ais iad thun do ghruinnd fein; ach ged a theid cuid diubh air chall, cha ghabh mi os laimh am faotainn, ach ma dh’ iarras tu orm dol g’an iarraidh, theid mi ann ’s ma gheobh mi iad, bheir mi dhachaidh iad.” Cea robh aig an tuathanach dhoirbh air ach cordadh ri Mac-an-Rusgaich, ’s duais eile a thoirt da airson an crodh a bhuachailleachd; agus bha iad reidh re grathunn ’n a dheigh sin. An ath lath ’chaidh am bodach e fein ris a’ mhonadh, cha b’ urrainn da na h-aighean aige ’fhaicinn; dh’ iarr e air an son, ach cha b’ urrainn da am faotainn. Chaidh e dachaidh, ’s thuirt e ri Mac-an-Rusgaich, “Is eudar dhuit fein dol a dh’iarraidh airson nan aighean, a Mhic-an-Rusgaich; cha b’ urrainn mise am faotainn an diugh; [TD 235] [Vol. 2. No. 31. p. 3] ach rach thusa g’ an iarraibh, ’s iarr iad gus am faigh thu iad.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “C’ aite an teid mise g’ an iarraidh?” Thuirt am bodach, “Rach agus iarr iad anns na h-aiteachan anns an saoil thu iad a bhi, agus iarr iad mar an ceudna anns na h-aiteachan anns mach saoil thu iad a bhi.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mise mar sin mata.” Chaidh am bodach a stigh do ’n tigh. Fhuair Mac-an-Rusgaich faradh, ’s chuir ris an tigh e. Chaidh e ’n aird air an tigh, thoisich e air spionadh an tubhaidh bharr an tighe, ’s ’g a thilgeadh le leathad; agus m’ an d’ thainig am bodach a mach a rithist bha an tubhadh, gu ach ro bheagan, bharr an tighe, ’s na cabair lom, agus Mac-an-Rusgaich a’ spionadh ’s a’ tilgeadh le leathad a’ chorr. Thuirt am bodach, “Na h-unradh ’s na h-urchoidean ort, a bhalaich, ciod e a thug ort an tubhadh a thoirt bharr an tighe?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gu bheil mi ag iarraidh nan aighean ann an tubhadh an tighe,” Thuirt am bodach, “Ciamar a tha thu ag iarraidh nan aighean ann an tubhadh an tighe, far am bheil thu cinnteach nach ’eil iad?” Thuirt Mac-an-Rusgaich “Tha gu ’n do dh’iarr thu fhein orm an iarraidh far an saoilinn iad a bhi, agus mi g’ an iarraidh cuideachd ann an aiteachan far nach saoilinn iad a bhi; agus cha’n ’eil aite air bith far an lugha ’tha de shaoilsinn agamsa iad a bhi na ann an tubhadh an tighe.” Thuirt am bodach, “Na h-unradh ’s na h-urchoidean ort, a bhalaich.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Na h-unradh ’s na h-urchoidean ort fein, a bhodaich, am bheil thu a’ ghabhail an aithreachais gu ’n d’ iarr thn orm na h-aighean ’iarraidh far nach saoilinn iad a bhi?” “Cha ’n ’eil, cha ’n’eil,” thuirt am bodach; “rach anis agus iarr iad ann an aiteachan far am bheil e coltach gu’m faod iad a bhi ann.” Ni mise mar sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusghaich a dh-iarraidh nan aighean; fhuair e iad, ’s thug e dachaidh iad. An sin dh’ iarr a mhaighstir air Mac-an-Rusgaich e a dhol a chur an tubhaidh air an tigh, ’s e a dheanamh an tighe cho dionach ’s a b’urrainn da. Rinn Mac-an-Rusgaich sin, agus bha iad reidh re grathunn na dheigh. Bha an tuathanach doirbh a’ dol a dh-ionnsaidh bainnse, ’s dh’ iarr e air Mac-an-Rusgaich, an uair a thigeadh am feasgar, e a chur diollaid air an each, ’s e ’dhol a dh-ionnsaidh tigh na bainnse, gu esan a thoirt dachaidh; ’s thuirt e ris, “An uair a bhitheas e dlu air da-uair-dheug, tilg damh-shuil an taobh a bhitheas mi, ’s aithnichidh mi gu ’m bheil e dlu air an am gu dol dachaidh. “Ni mi sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. An uair a dh’ fhalbh an tuathanach thun na bainnse, chaidh Mac-an-Rusgaich ’s chuir e na daimh a stigh do ’n fhang, ghabh e sgian ’s thug e na suilean asda, chuir e na suilean ’n a phoca, ’s ’n uair ’thainig an oidhche chuir e an diollaid air an each ’s chaidh e gu tigh na bainnse a dh’ iarraidh a mhaighistir. Rainig e tigh na bainnse, chaidh e stigh do ’n chuideachd ’s shuidh e gus an robh e dlu air da-uair-dheug. An sin thoisich e air tilgeadh suil daimh air a’ bhodach ann ceann gach tacain. Mu dheireadh thug am bodach an aire dha, ’s thuirt e ris, “Ciod e a tha thu a’ deanamh?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha mi a’ tilgeadh suil daimh an taobh a tha thu chionn tha e dlu air da-uair-dheug.” Thuirt am bodach, “Am saoil thu fein gu ’n deachaidh tu a thoirt nan suilean as na daimh?” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cha ’n ann ’g a shaoilsinn idir a tha mi; tha mi cinnteach as; dh’ iarr thu fein orm mi ’thilgeadh suil daimh an taobh a bhiodh tu an uair a bhiodh e dluth air an da-uair-dheug, ’s ’d e mar a b’ urrainn mi sin a dheanamh mur tguainn na suilean as na daimh?” “Na h-uire ’s na h-uireandan ort, a bhalaich,” ars’ an tuathanach. “Na h-uire ’s na h-uireandan ort fein, a bhodaich; a bheil thu a’ gabhail aithreachais gu ’n d’ iarr thu orm a dheanamh?” “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil,” ars’ am bodach; chaidh iad dachaidh comhla ’s cha robh tuille m’ a dheibhinn an oidhche sin. (Ri leantuinn.) Bha ’n dinneir bhliadhnail aig Comunn Gailig Lunnuinn air Di-ciaduinn an ceathramh latha fichead dhe’n mhios s’a chaidh. Bha aireamh mhor uaislean cruinn, agus chuir iad seachad am feasgar gu cridheil subhach, le oraidean, orain, ceol us deochannan-slainte. Tha’n Comunn so ceud bliadhna ’s seachd deug a dh’aois, agus tha e ri obair mhath do chanain Tir nam Beann riamh o’n chuireadh air chois e. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 236] [Vol. 2. No. 31. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEB., 24, 1894. “Tha naidheachd ur an drasd againn, a chuirt a th’ aig a Pharlamaid; Gach taobh a cruinneachadh chairdean Dh’fheuch co ’s fhearr ni buanachd.” Mar so labhair am Bard Mac Gilleain an t-am a bha ’n election mhor aca ’m mor-roinn Nobha Scotia, agus ’nam bitheadh an duine coir beo an diugh dh’fhaodadh e na briathran ceudna a labhairt. Cha chluinnear a dhuan an drasd ach politics. Tha e nadurra do’n chinne-daona ’bhith deanamh othail mu rudeigni, agus o nach eil cogadh no dad dhe’n t-seorsa sin a’ dol air adhart gu bhi ’gan cur air bhoil, feumaidh iad an inntinn a chumail suas le bhi dol an sas ann an rudeigin eile, a chumas cothrom bruidhne riutha. Tha aireamh mhor a faotainn toileachadh mor ann an cathan nam politics, agus mur eil iad ’gan cur leis na claidhein, bhiodh iad air amannaibh gle dheonach air an cur leis na dnirn. Is e ar bharail fein gu’n tigeadh an saoghal gle mhath as aonais moran dhe na tha dol fo’n ainm politics cho math ’sa thigeadh e as aonais a chogaidh ach cha gabh sin toirt a chreidsinn orra-san a bhios a gabhail pairt annta. Cha luaithe thig am an taghaidh ua bhios iad ’nan uidheam, agus cha bhi cuil eadar Dan us Beer-Sheba nach ruraich iad. Mur bi ceist no cuis fa chomhair an t-sluaigh, ni iad ceistean us cuisean beaga dhaibh fein us bheir iad a chreidsinn orra gur-a cuisean mora iad. Tha cuid dhe’n t-sluagh ris an cord an amhailtean anabarrach math, cuid cile a chuireas suas leis, ach tha moran eile air an sarachadh le luchd nam politics, agus e tha cho caoin-shuarach umpa ’sa bha ’n duanaire o shean mu mhuinntir Mhuile ’s Ile ’nuair a thuirt e:— “Muileach is Ileach is deamhan, An triuir a’s mios air an domhain, ’S miosa a’ Muileach na ’n t-Ileach, ’Smiosa an t-Ileach na’n deamhain!” CIARAN. Bha bruidhinn ann o chionn mios gu robh Gladstone a cur roimhe leigeil dheth bhi ’na Phriomh Mhinisteir air Breatuinn, gu robh ’n aois a laidhe cho trom air, gu robh a fhradharc a’ dol air ais ’sa chlaistneaehd ’ga fhagail, air chor ’s nach b’ urrainn da an obair a bha mu choinneamh a dheanamh. Sgriobh e fein litir o chionn seachdain no dha ag raitinn nach robh facal firinn anns a bhruidhinn sin, nach d’thuirt e ri duine riamh gu robh e cur roimhe a leithid a dheanamh. Gidheadh tha a litir a nochdadh gu soilleir gu’m faod e ’n dreuchd a chur uaithe latha sam bith. Tha na Morairean an deigh da reachd, a fhuair esan, le fior chathachadh a chur troimh. Thigh nan Cummantach, a thilgeil am mach, agus tha iadsan a’s eolaiche air ag radh gu’n d’thug sin a mhis neach uaithe gu boileach. Cho math ’s ga bheil Gladstone coir cha ’n urrainn dha a lamh a chumail ris a chrann moran na’s fhaide. ’Nuair a dh’fhalbhar e, tha sinn an dochas gu’m bi neach cho onarach, cho cogaiseach ’s cho saothrachail ris, air son math na rioghachd deiseil gu bhi seasamh na aite. Cha d’ thug baile Halifax cead do neach sam bith deoch laidir a reic air a bhliadhna so. Tha latha araidh ais a shuidheachadh air son an cead sin a thoirt seachad, ach cha robh gu leor de sheanairean a bhaile cruinn gus an cead a dheanamh laghail, agus b’ fheudar mar sin an gnothuch fhagail mar a bha e. Air thailleabh sin tha am baile gu bhith, air a bhliadhna tha romhainn, aona chuid gun deoch laidir idir, no bi’dh i na’s pailte na bha i riamh. Ma ni naimhdean Mhic-an-Toisich an dichioll re na’m miosan a tha tighinn faodaidh iad misgearan Halifax a chumail stuama ’s gun taing dhaibh. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. [TD 237] [Vol. 2. No. 31. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha stoirm mhor toiseach na seachdain s’a chaidh ann an ceann tuath na Gearmailt, agus bha moran dhaoine air an call. Tha fios a Berlin ag innseadh gu robh ceithir fichead soitheach eadar bheag us mhor air an call. Bha fear Domhnull Mac Leoid a mhuinntir Bhaddeck anns a choille an la roimhe agus thachair mathan air. Cha do chuir am mathan dragh sam bith air ’s cha mho a chuala sinn gu’n do chuir esan dragh air a mhathan. Dh’eug Carvel Riaghladair Eilean a Phrionnse, ann am baile Charlottetown, air a 14mh latha dhe’n mhios so. Bha e tinn le tinneas a chridhe o chionn aireamh bhliadhnaichean, agus ’s e a thug a bhas. Bha e tri fichead bliadhna ’sa dha a dh’aois. Tha Hooper, a bha air a chur an sas an uiridh an son a bhean a mhort agus a fhuair ma sgaoil le cion dearbhaidh, a nis air a chur do’n phriosan a rithist air son ionnsuidh a thug e air a mort mios no dha mu’n d’fhuaras marbh i. Cha leigte mach air urrais e idir. Bheireamaid a chomhairle air iomadh aon da’r cairdean a thug Donnacha Ban Mac an t-Saoir air Uisdean, “Leig dhiot a bhi ’m barail gur bard thu.” Tha moran ann a tha comasach air Gailig a sgriobhadh gu snasmhor a tha ’cur an eolais gu mi-bhuil le bhi feuchainn ri bardachd a sgriobhadh, ni nach urrainn dhaibh a dheanamh. Tha luchd-reic nan innealan tuathanachais a cur dragh mor air muinntir Mhanitoba. Tha iad a reic moran innealan ris na tuathanaich air ard phris, agus gu tric cha bhi na tuathanaich comasach air am paigheadh. Tha Nachdaranachd Mhanitoba a nis dol a leasachadh cor an tuathanaich le reachd a dheanamh a chumas cha mhor gach ni a th’aige o luchd nam fiach. Cha’n eil teagamh nach dean an lagh so feum do chuid, agus is cinnteach gu’n cuir call air cuid eile, SO AGAIBH FASAN!—Tha ’m fasan ur a th’aig mnathan New York us Montreal an drasd cho neonach ’s cho beag toinisg ’sa bha moran dheth na bh’aca roimhe. Cha’n eil bean-uasal am fear seach fear de na bailtean sin an diugh ’san fhasan mur ’eil i cosg dearc-luachrair bheo ’na h-aid. Tha i ri bhi air a caradh air mullach na h-aide ’s priona air o stobadh troimhpe. Thartr a feuchainn an lagha riutha-san a tha reic ’sa ceannach nan creutairean so, agus ’s math an airidh. Cha bhi ’n uine fada gus am feum na dearcan-luachrach a dhol on rathad a chaidh am bustle. COTHIONAL MOR. Bha ministeir araidh ag innseadh gu’n do liubhair e cheud shearmon ann am baile beag cuil, agus nach robh aige ’s an eisdeachd ach seachd duine deug. Cha robh ’n searmon air a dhol gle fhad air adhart ’n uair a chaidh seana bhean a bha lathair ann an laigse, agus chaidh bean og a bha lathair ann an neul; agus bha ceathrar fhear agus dithis mhnathan nu’n cuairt de gach te dhiubh ’g an toirt air falbh gu aite fionnar. Cha robh mar sin ach triuir air am fagail aig a mhinisteir, agus mu’n do chriochnaich e bha dithis dhiubh ’nan cadal, agus an aon fhear a bha ’na dhuisg, bha e bodhar! Cha’n el fhios co dhiu tha no nach eil a chaitheamh a fas na’s bitheanta ’s na bliadhniachean so na bha i ’s na linntean a chaidh seachad, ach tha barrachd aire air a thoirt dhith agus tha luchd leighis a tighinn gu bhi ’ga teigsinn na’s fhearr na bha iad. Tha e an a chreidsinn leis na h-uile ’nar latha-ne gur a tinneas ghabhaltach agus gur tinneas i air an gabh casg a chur ma gabhair aice trath. Tha lan am gum biodh innleachd eigin an fhaotainn am mach a chuireadh grabadh oirre, oir tha aireamh mhor a basachadh leatha, gach bliadhna, anns gach cearna dhe’n t-saoghal. Ann am mor-roinn Chuibec air a bhliadhna s’a chaidh, chaochail mu chaig ceud deug pearsa leatha, ged is duthaich Cuibec a tha cho fionnar fallain ri aon an America. Shaoil le Dr. Koch anns a Ghearmailt, bliadhna no dha air ais, gu ’n d’ fhuair e leigheas cinnteach air a chaitheamh, ach bha e fein us moran eile air am mealladh anns a chuis sin. Cha’n urrainn dhuinn a chur an teagamh, co-dhiu, nach bi ’n leigheas a tha iad a sireadh air fhaotainn, agus nach ruith aireamh mhor bhliadhnichean gus am bi e cho comasach do fhear-caitheamh a bhi air aiseag gu slainte sa bhios e do fhear-tinneis eile. ’Se Minard’s Liniment a’s fhearr. An lamh a bheir ’s i a gheabh. Minard’s Liniment air son an fhuilt. An lagh a rinn Solamh fuiligeadh e leis. An la bhios sinn ri orach, biomaid ri orach; ach an la ’bhios sinn ri maorach biomaid ri maorach. Tha siun fior thaingeil dhaibh-san a tha ’gar cuideachadh ann an cur am mach a Mhic-Talla, le bhi ’sgriobhadh litrichean, sgeulachdau us nithean eile air a shon, agus tha sinn an dochas nach fas iad sgith dhe’n deagh obair. Tha moran nithean ’gar ruigheachd nach urrainn a chur ’sa phaipear idir, agus moran de nithean eile ’gar ruigheachd a bhios ’nar lamhan uine fhada mu’n urrainn dhuinn rum a dheanamh dhaibh. Deanadh iad sin foighdinn agus chi iad an saothair an clo uair no uair-eigin. Leighsidh Minard’s Liniment Grip. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 238] [Vol. 2. No. 31. p. 6] Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. V.—Air a leantuinn. Chriothnaich na maraichean aig na briathran uamhasach so, agus na fagte dhoibh fein iad dh-eisdeadh iad ri guth Chriosduidh: ach thubhairt a Seann Duine. “An ann a nasgaidh a tha eagal Dhe air Criosduidh?” Ghlaodh Dearsadh mar an ceudna—esan aig an robh beachd air fein thairis air cach—“co rinn thusa a’d uachdaran agus a’d bhreitheamh oirnne?” Shochraich Criosduidh a shuilean air an t-Seann Duine agus thubhairt e, “O thusa a ta lan do’n uile cheilg, agus do’n uile dhroch bheirt, a mhic an diabhuil, a namhaid na h-uile fhireantachd, nach sguir thu do fhiaradh shlighean direach an Tighearna?” Chlisg a Seann Duine car tiota, ach shuidhich e a ghnuis mar chloich-theine an aghaidh Chrisduidh a phill dh-ionnsuidh Tuisge agus dh-innis e dha gach ni a thachair. Thug Tuigse am freagradh so dha: “Is aithne do’n Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine euconach a choimhead gu la a bhreitheanais chum peanas a dheanamh orra. Gidheadh, cha teid a’ ghne so mach, ach le h-urnuigh agus le trasgadh. Air an achd so ghairm Criosduidh a theaghlach tiomchioll air agus rinn e urnuigh ag radh: O Thighearna ’s tusa Dia a chruthaich neamh, an talamh agus an fhairg, agus gach ni ta annta, a labhair trid beul do sheirbhiseach Daibhidh: C’ arson a ghabh na cinnich boile agus a smuainich na sloigh ni diomhain? Agus a nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhibh, agus deonaich do d’ sheirbhisich fein t-fhocal a labhairt leis gach uile dhanachd. Air dhoibh urnuigh a dheanamh thainig an Spiorad Naomh a nuas orra agus cha robh eagal nis mo orra. Ach bha ’n t-olc an sud fathasd. Dh-amhairc Criosduidh ri Tuigse airson cnideachadh ach cha d-fhuair e dad. Cha robh ghrian a dealradh, thainig ceo orra, bha na siuil a sgiathalaich ris na croinn agus bha ’n soitheach air udal o thaobh gu taobh. An sin thainig na maraichean na ’m buidheann dh-ionnsuidh Criosduidh, Timoteus agus Cuilc-bhruit chum a dhion na ’m bitheadh feum, agus cach chum gearan. Chunnaic Peadar iad a teachd dluth, agus tharruing e a chlaidheamh; thug Tomas putadh dha gu aon taobh, Ghuidh bean Chriogduidh air e fein a chur fo armachd, ach thubhairt esan, ’se ’n Tighearna mo chomhnadh agus mo sgiath. Dh’eirich an ceo car tiotan agus chunnaic e os a chionn aon cosmhuil ri Mac an Duine a’ marcachd air neoil nan speur. Chuala ’bhean agus Mairi farum ainglean. (Ri leantuinn.) SOP AS GACH SEID. Na saia buaidhean a bha cumail suas na Feinne:—1. Agh Fhinn. 2. Lamh Gboill. 3. Prab-bhuillean Oscair. 4. Iomairt ealamh Oisein. 5. Ruith chruaidh Chaoilte. 6. Shuidheachadh Chonain air a’ chath. Tri subhailcean a’ bhaird:— 1. Ciocras coin gu lan a bhronn. 2. Fios fithich a’ ruith gu roic. 3. Tart frithir gu ol a dhram. Na tri rudan is daoire th’ ann:—1. Mo chuid fhin. 2. Mo bhean fhin. Agus, 3. Tiugainn dachaidh. Mar is coir teine fhadadh:— Seid agus seid an gual, A’s seid gu ruighinn, cruaidh an sop. FUINE. Ged nach dean thu ach a’ h-aon, Dean am bonnach beag; Agus ge do dheanadh tu naoidh, Dean am bonnach-beag a’s crois air. Cha’n ’eil coir aig duine sam bith a dheanamh mar a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an ni sin a ta ceart a dheanamh. Na ’m bu mhiann leat do bhiadh a bhi blasda, oibrich air a shon—na’m bu mhath leat d’ aodach a mhealtainn, paigh e—na ’m bu mhath leat cadal gu suaimhneach, thoir coguis ghlan a laidhe leat. Minard’s Liniment air son Loinnidh. SEAN FHACAIL. An crann roimh na daimh. An deigh cogadh thig sith. An gad air an robh ’n t-iasg. An gog mor ’s an t-udh beag. An dall air muin a chrubaich. An dubhan an aghaidh a chrocain. An deireadh an latha ’s math na h-eolalch. An cron a bhios ’san aodann cha’n fhaodar a chleith. An gad a’s faisge da’n sgornan ’se ’s coir a ghearradh an toiseach. An gran a’s luaith’ a theid do’n Ahuilean, ’se ’s luaithe thig as. An duine ’s miosa caradh: an duine gun chinneadh thaobh athar no mathar. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 239] [Vol. 2. No. 31. p. 7] Caiptean Ruadh Ghlinn Liobhan agus Tuathanaich Latharna. ’Nuair a bha’n Caimbeulach fiachail cliuiteach so na fhactor aig treas Iarla Bhraid-Albann, air oighreachd Latharn-iochdrach, an Earraghaidheal, thachair gu’n robh da bhrathair ann an seilbh baile beag fearain, leth mar leth aig gach aon diubh. Bha teaghlach mor maoth aig fear dhiubh; agns bha e air a sharuchadh cho mor ’g an togail, ’s nach robh e ’na chomas a roinn-san de’n bhaile a chumail anns an ordugh bu choir da. Cha b’ ann mar so do’n bhrathair eile; bha e na dhuine saoibhir, agus air a chunntadh beartach le muinntir na duthcha. Ghabh e cothram air dol a dh-ionnsuidh a’ Chaiptean Ruaidh, agus rinn e casaid ris an aghaidh a bhrathar, gu’n robh e liegeil le ’chuid de ’n bhaile dol an dolaidh le cion mathachaidh agus aorannachaidh; agus an deigh iomadh “le ’r cead, a Chaiptein,” thubhairt e,—“Cha ’n urrainn duibh ni ’s fearr a dheanamh na leth mo bhrathar de ’n bhaile a thoirt domh fein;” agus, chum a thagradh a neartachadh, charaich e deich puinnd Shasunnach air a’ bhord, a’ feuchainn an Caiptean a chlaonadh. Fhreagair an t-uasal e gu tioram, “Gheibh thu leth do bhrathar.” Dh’ fhalbh an cealgair gu moiteil, ard-inntinneach. Goirid an deigh so, chual’ am brathair bochd a bha ’g a ’chlaoidh fabhunn mar a thachair. Chaidh e gu trom-inntinneach, bronach, a dh’ ionnsuidh a’ Chaiptein. Dh’ innis e na chual’ e, ach gu ’n robh dochas aige nach robh e fior. Dh’aidich e nach robh a leth-sa de ’n bhaile ’s an ordugh anns am bu choir dha ’bhi; gidheadh, ’nuair a chinneadh a theaghlach a suas, gu ’n rachadh gach gnothach am feothas. “Tha na chual’ thu fior gu leoir,” deir an Caiptein: “fhuair do bhrathar do leth-sa.” Mar a bha’n duine truagh a’ falbh, gu muladach, bronach, ghairm an t-uasal air ais e, ag radh, “Ged a fhuair e do leth-sa de’n ghabhail, cha d’ iarr e a leth fein. Rach thusa dhachaidh, agus, ’n uair a thig a’ Bhealltuinn, cuiridh mis’ thu an sealbh cuid do bhrathar; agus, a dhuine bhochd, so dhuit deich puinnd Shasannach, a chuidhicheas leat do theaghlach og a thogail, leis an d’ fheuch do bhrathair mis’ a bhriobadh.” —Cuairtear nan Gleann. Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan. Aodaichean uachdar, &c., ’s iad uile gle saor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 240] [Vol. 2. No. 31. p. 8] FAILTE DO’N EILEAN SGIATHANACH. LE NIALL MAC LEOID. O, failt air do stucan, Do choireachan udlaidh, Do bheanntainnean sughor, Far an siubhlach am meann! Tha ’n geamhradh le’ dhubhlachd Mu na meallaibh a’ dunadh, ’S gach doire le ’bhuirean. Air a rusgadh gu bonn. Chi mi Cuchuilinn Mar leoghann gun tioma, Le ’fhiasag d’an t-sneachd Air a pasgadh m’ a cheann; ’S a ghruaidhean a’ sruladh Le easanan smuideach ’Tha tuiteaua ’nan luban Gu urlar nan gleann. Do chreagan gu h-uaibhreach, Mar challaid m’ an cuairt dhuit, ’S na neoil air an iomairt, A’ filleadh mu ’m barr;— ’S am bonn air a sguabadh Le srulaichean gruamach, Bho bharcadh a’ chuain A’ toirt hnuallain air traigh. O, c’ ail ’eil na gaisgich A dh’ araich do ghlacan? ’Bu shuilbeara macnus Mu stacan a’ cheo,— Le fudar ’g a sgailceadh Bho ’n cuilbheirean glana, ’S am miolchoin ’n an deannaibh, Nach fannaich ’s an toir. Na laoich nach robh meata Ri aodann na batailt, Nach aomadh gu taise Ri caismeachd an namh; Cha ’n ’eil raon agus machair Air na sgaoil iad am bratach, Nach d’ fhag iad an eachdraidh Gun mhasladh do’n al. Ach tha ’m fardaichean sguabte, ’S an seomraichean uaine,— Iad fein a ’s an gaisgeadh ’N an cadal fo ’n fhoid; ’S tha osag nam fuar bheann, Le ’h osnaidhean gruamach, ’G an caoidh mu na cruachan, ’S a’ luaidh air an gloir. O, c’ ait ’eil gach solas ’Bha agam am oige?— ’Toirt meal’ as na rosan Mu d’ chosagan tlath. Tha companaich m’ eolais Air am fuadach o’n comhnuidh, Tha mhil air a deothal ’S tha ’n rosan gun bhlath. Ach ’s caomh leam do ghleanntan, Do shrathan ’s do bheanntann, ’S an ceo ’tha ’n a chadal Air baideal nan ard’, Na ciobhagan torach, Na sronagan corrdch, ’S na sruthain ri coireal Do ’n eilid ’s d’ a h-al! Gu ma buan a bhios d’ eachdraidh, Agus cliu aig do mhacaibh, Gus an crionar an talamh, ’S am paisgear na neoil! Fhad ’s ’bhios sioban na mara A’ bualadh air caraig, Bidh mo dhurachd gun deireas Do dh-Eilean a’ Cheo! FREAGAIRT DO D. T.—Tha Mac-Talla beag, tha fhios, ach an do smaoinich thu riamh gnr tusa agus do sheorsa tha ’ga chumail mar sin. Cha’n eil fhios againn co dhiubh is e cion toirt-fa-near no an spiocaireachd a’s coireach riut ach cha d’ rainig do dhollar sinn fhathast. Is docha gur e ’n spiocaireachd. Tha gach aon a ghabhas paipear ’sa phaigheas e, ’ga neartachadh, agus tha gach aon a ghabhas e ’s nach paigh e ’ga lagachadh na’s mo na duine nach gabh idir e. Tha e gle fhurasda coire fhaotainn. Saoilidh am fear a bhios na thamh gur e-fein a’s fhearr lamh air ’stiuir.’ Leighseadh mise o’n Ghrip le MINARD’S LINIMENT. C. I. LAGUE. Sydney, C. B. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LINIMENT. TEARLACH PLUMMER. Yarmouth, N. S. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. LEWIS S. BUTLER. BURIN, Nfld. Tha na dotairean a’s fhean a moladh K. D. C air son droch Stamag Samqull a nasgaidh K. D. C. Co New Glasgow, N. S. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 241] [Vol. 2. No. 32. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 3, 1894. No. 32. Bacail na Deoch Laidir. A CHARAID,—Ceadaich dhomh ann ad phaipear gasda facal no dha a radh ri d’ luchd-leughaidh ma thimchioll bacail na deoch laidir. Tha fhios agam nach eil am MAC-TALLA ’gabhail taobh sam bith ann an politics, agus, gu dearbh, cha’n iarrainn fhein gu’m bitheadh, oir tha tuilleadh sa choir dheth againn anns na paipearan Beurla. Ach cha pholitics so idir; cha’n eil taobh seach taoh a’ dol a ghleidheadh a bheag ged theireadh an sluagh gu’n bu choir bacail a chur air reic an droch stuth, ni mo a tha taobh seach taobh a dol a chall dad ged bheireadh an sluagh an aonta ’n rathad eile. ’S e mo dhurachd-sa gum biodh fhios aig a h-uile aon air so chum ’a nach bi mearachdan sam bith air an deanamh air an la sin air am bi cothrom air a thoirt dhuinn air ar barailean a chur an ceill. Tha fhios agam gur a fior bheag de lnchd-leughaidh MHIC-TALLA ’tha aineolach air an olc a tha air a dheanamh gach bliadhna tre ’n deoch laidir, agus nach biodh gle dheonach air gach doigh dhligheach a ghabhail gu car as da. Tha sinn uile faicinn tuilleadh ’sa choir de’n oigridh, maise, blath, agus dochas ar dnthcha, air an tionndadh air falbh gu sligheanna claon na misgearachd, agus air an toirt gu bhi na’m masladh dhaibh fein ’s nan droch eiseamplair do mhuinntir eile, nuair bu choir dhaibh a bhi na’n aobhar uaill do’m ’parantan, do’n cairdean, ’s do ’n aite dh’araich iad. Tha sinn a faicinn tuilleadh ’sa choir dheth so air son barail eile bhi againn ach gu’n bu choir bacail agus bacail da-rireadh a chur air gach ni a th’ air a reic fo’n ainm ’deoch laidir’ Uime sin a chairdean nach coir dhuinn tionndadh a mach ’nar neart agus an ruaig a chur air namhaid ar duthcha, Bha na Gaidhail riamh ainmeil air son an treine anns na blaraibh fuilteach a bha air an cur ’sna laithean a dh’aon agus car son nach bitheadh iad a cheart cho treun ’sa chath a tha ’dol air adhart ’san latha ’n diugh an aghaidh an ni a tha na mheadhon air bhi toirt bron agus bais gu iomadh fardaich. Tha mi an dochas uime sin, gun dean muinntir na duthcha so an ni bhios ceart agus co dhiubh bhios Cahan no Fielding ann an cumhachd re nan ceithir bliadhna a tha tighinn, no co aca bhios a stigh san t-siorrachd so Mac Aidh ’s Mac Cormaic, no Mac Phearsain ’san Domhnullach, no co air bith a bhios air an cur a stigh leis na siorrachdan eile, (is deagh dhaoine iad uile) gu’m bi guth na duthcha air a thogail cho laidir an aghaidh an uisge-bheatha ’s gu feum e siubhal! An dochas gur ann mar sin a bhitheas, agus a toirt taing dhiut. fhir-dheasachaidh, air son rum a thoirt dom’ litir, is mi do charaid agus caraide na Gailig, an la chi ’s nach fhaic. STUAMACHD. Guth bho’n Chamus. Is ro thaitneach leam, da rireadh, a bhi sgriobhadh gu MAC-TALLA air amannan araid. Tha e na mheadhon air a bhi cumail sgriobhadh na Gaelig na ’m chuimhne; agus a thuilleadh air a sin, ma dh’ fhaote nach misde le muinntir eile a chluinntinn ciamar tha dol duinn anns a’ chearn so de’ n du thich. Thuit moran sneachda air a bhliadhna so, agus tha ’n t-side mar is trice stoirmeil, caochlaideach. Tha stoirmnean trom o’n ear-dheas aginn a h-uile seachdain, agus gaoth na’ s mi-thaitnich leinn cha tig a adhar. Tha na postaichean a’ faighinn tair; ach coma leibh, is ann uair ainneamh a bhios iad lath’ air deireadh. Tha roinn de dhaoine tinne air feadh na ducha,—tha ’n Grippe a deanamh a dhichill. Tha ioma leigheas air a thoirt duinn air a ghalar so. Thuirt seann duine coir rium an la roimhe na’ m biodh an grog cho paillt ’san duthich sa chunnaic esan e, nach danig an Grippe riamh far a Ghut,—gur ann aig daoine fhein a bha choire! Is eagal leam gu’m bu mhiosa ’n leigheas na ’n euslaint fhein. Cha do phos ach a dha no tri charaidean anns a’ pharaisd’ air a gheamhraidh so. Bha tuilleadh ann a dh’ fhaodadh posadh; ach a chionn iad a bhi tuilleadh is glic no tuilleadh is gorach, leig iad seachad a’ snuim a chur gu am eile. Bha Mor a’ graitinn rium gun robh feadhain eil’ ann a phosadh na’m faodadh iad: Cha ’n aithne dhomhs iad,—cha’n eil mi fhin de’n aireamh sin co dhiu. Ge nach eil aghaidh an talamhain no mullach nam beann ma’n cuairt cho maiseach dha’ n t-suil an drasda ’sa bha iad nuair a sgriobh mi thugaibh a’s t-samhraidh, gidheadh, faodaidh neach toilinntinn gu leoir fhaighinn ma bhios e dhith air. Ach chionn gu bheil mo litir a’ fas tuilleadh is fada, cha lean mi chuis sin na ’s fhaid’ aig an am so. Ma thig “Caorstaidh” a nall, cha chreid mi nach cord ar cluichean ’us ar fearras-chuideachd rithe, gu h-araid ma tha i eolach air dol air an t-shleighe bhig. SEONAID. A GHAIDHEALTACHD. Tha Comunn-ciuil Gailig ann am baile Glascho aig am bi concert a h-uile seachdain, agus fhad sa bhios i dol air adhart cha’n eil smid ri chluinntinn thall no bhos ach Gailig. Tha’m Biobull cubaid Gailig a bha air a chur am mach an toiseach o chionn corr us tri fichead bliadhna, a mach a clo, agus tha Cleir Ghlascho ag iarrridh air Ard-sheanadh na h-Eaglais cur mu dheobhainn a chlo-bhualadh as ur. Chuir an droch shide grabadh mor air an iasgach air a bhliadhna so. Air a cheud mhios dhe’n bhliadhna ’n uiridh, thugadh gu tir fiach sia mile deug punnd Sasunnach (£16,000) a bharachd air na thugadh gu tir air a cheud mhios dhe’n bhliadhna so. [TD 242] [Vol. 2. No. 32. p. 2] MAC-AN-RUSGAICH. BHO SGEULACHDAN GAIDHEALACH LE I. F. CAIMBEUL. (Air a leantuinn.) LATHA no ’dha an deigh sin, dh’ iarr a mhaighistir air Mac-an-Rusgaich e a dhol an aird thun na cachaileidh mhullaich, ’s e a dheanamh stair chasa-caorach. “Ni mi sin,” arsa Mac-an-Rnsgaich, ’s dh’fhalbh e. Chuir e na caoirich a stigh do ’n fhang, ’s ghearr e na casan dhiubh, a’s rinn e an stair le casan nan caorach. Chaidh e air ais far an robh a mhaighistir, ’s thuirt a mhaighistir ris. “An do rinn thu sud?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Rinn; faodaidh tu fein dol g’ a fhaicinn.” Chaidh an tuathanach a dh-fhaicinn an stair chasa-caorach a rinn Mac-an-Rusgaich ’s an uair a rainig e ’s a chunnaic e casan nan caorach anns an stair, chaidh e air bhreasadh ’s thuirt e, “Na h-uile ’s na h-uireandan ort, a bhalaich ciod e a thug ort na casan a ghearradh bharr nan caorach?” Thuirt Mac-an-Ruggaich, “Nach d’ iarr thu fein orm stair chasa-caorach a dheanamh, ’s ciod e mar a dheanainn stair chasa-caorach mur gearrainn na casan dhiubh? feuch a bheil thu a’ gabhail an aithreachais gu ’n d’ iarr thu orm a dheanamh, a bhodaich?” “Cha ’n ’eil,” thuirt a mhaighistir. “Ciod a tha agam ri ’dheanamh a rithisd?” thuirt Mac-an-Rusgach. “Tha, ars’ a mhaighistir, na h-eich agus an stapnll a ghlanadh ’s a nigheadh an da chuid am mach agus a stigh.” Dh’ fhalbh Mac-an Rusgaich, ’s ghlan e a mach an stapull,—nigh e na ballachan air an taobh a mach a’s nigh e an stapull air an taobh a stigh; nigh e na h-eich, a’s mharbh e iad ’s thug e an taobh a stigh asda, ’s nigh e an taobh a stigh aca. Chaidh e far an robh a mhaighistir ’s dh’ fharraid e ciod a bha aige ri’ dheanamh a rithisd, ’s thnirt a mhaighistir ris e a chur nan each ’n an uidheam anns a’ chrann, ’s e thoirt tacain air an treabhadh. Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cha fhreagair na h-eich mi.” “Ciod e a dh’ fhairich iad?” ars’ a mhaighistir. “Cha choisich iad air mo shon,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Fhalbh agus feuch iad,” thuirt a mhaighistir. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich far an robh na h-eich, chuir e crioman de dh-aon diubh ’n a bheul, chaidh e air ais far an robh a mhaighistir, ’s thuirt e, “Cha ’n ’eil an droch bhlas orra.” “Ciod a tha thu ag radh?” thuirt a mhaighistir. Chaidh e far an robh na h-eich, ’s an uair a chunnaic e iad ’s an taobh a stigh air a thoirt asda, thuirt e, “Ciod is ciall d’a so?” “Tha” arsa Mac-an-Rusgaich, “gu ’n d’ iarr thu fein orm an da chuid na h-eich agus an stapull a ghlanadh agus a nigheadh, an da chuid a mach agus a stigh; ’s rinn mi sin. A bheil thu a’ gabhail an aithreachais?” “B’ fhearr leam nach fhaca mi riamh thu,” thuirt an tuathanach. “Ma ta,” arsa Mac-an-Rusgaich, feumaidh tu tri tuarasdail a thoirt domhsa air neo theid iall de d’ chraicionn a thoirt o chul do chinnn a sios gu d’ shail. Thuirt an tuathanach doirbh gu ’m b’ fhearr leis iall a bhi air a thoirt as a chraicionn bho chul a chinn gu ’shail na an t-airgiod a thoirt do thrusdar coltach ri Mac-an-Rusgaich; agus, a reir an lagha, chaidh an tuathanach doirbh a cheangal agus iall leathann a thoirt o chull a chinn a sios a dhruim, ’s ghlaoidh e gu ’m b’ fhearr leis an t-airgiod fhein a thoirt seachad na an iall a ghearradh na b’ fhaide; phaigh e an t-airgiod agns b’ eiginn da ’bhi greis foidh na lighichean, ’s cha robh e ’n a dhuine doirbh tuille. ’N a dheigh sin chaidh Mac-an-Rusgaich a chur gu bhi ’n a ghille aig famhair a bha dona d’ a sheirbheisich. Rainig Mac-an-Rusgaich am famhair, ’s thuirt e, “Tha do ghille air tighinn.” Thuirt am famhair, “Ma ’s gille dhomhsa thu feumaidh tu comh-obair a chumail rium, air neo bristidh mi do chnamhan ’n am pronnan.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ciod e ma dh’ fhairtlicheas mi ort?” “Ma dh’ fhairtlicheas,” thuirt am famhair, “gheibh thu do dhuais d’ a reir.” “Ciod a tha sinn dol a dheanamh ma ta?” arsa Mac-an-Rusgaich. “Tha,” ars’ am famhair, “theid sinn a thoirt dachaidh connaidh.” Dh’ fhalbh iad a’s rainig iad a’ choille. Thoisich am famhair air trusadh a’ h-uile bun a bu ghairbhe na cheile, ’s thoisich Mac-an-Rusgaich air a’ h-uile barr a bu chaoile na cheile a thrusadh. Sheall am famhair air ’s thuirt e, “Ciod a tha thu a’ deanamh mar sin?” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha mise a loss gu ’n toir sinn a’ choille uille leinn, seach a bhi a’ fagail pairt di gun fheum ’n ar deigh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so, bheir sinn dachaidh na h-eallaichean so, ach gheobh sinn obair eile a rithisd.” B’ i an ath obair a fhuair iad, dol a bhuain saidhe, a’s dh’ iarr am famhair air Mac-an-Rusgaich esan a dhol air thoiseach. Gheuraich Mac-an-Rusgaich an speal, agus thoisich e ’s chaidh e mu ’n chuairt ghoirid air an taobh a stigh, ’s bha aig an fhamhair ri dol cuairt a b’ fhaide air an taobh a mach deth. “Ciod e a tha thu a’ deanamh mar sin?” thuirt am famhair. “Tha,” thuirt Mac-an-Rusgaich, “mise a los gn ’m buain sinn a’ phairc a dh-aon spadhadh an aite a bhi a’ tilleadh air ar n-ais a h-uile uair a gheuraicheamaid an speal, a’s cha bhi tiom chaillte idir againn.” Chunnaic am famhair gu ’m biodh an spadhadh aigesan moran na b’fhaide na bhiodh spadhadh Mhic-an-Rusgaich, ’s thnirt e, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; theid sinn a dh-ionnsaidh oibre eile—theid sinn a’s buailidh sinn an t-arbhar.” Dh’ fhalbh iad a dh-ionnsaidh bualadh an arbhair; fhuair iad na suisdeachan, thoisich iad air obair, ’s trath ’bhuaileadh am famhair an sguab bheireadh e oirre leum an aird thar an sparr, ’s trath ’bhuaileadh Mac-an-Rusgaich an sguab laidheadh i sios air an urlar-bhualaidh ’s theireadh Mac-an-Rusgaich ris an fhamhair, “Cha ’n ’eil thusa ’g a leth bhualadh; nach toir thu oirre crnban mar a tha mise a’ deanamh.” Mar a bu laidire a bhuaileadh am famhair, is ann a b’ airde a lenmadh an sguab, ’s bha Mac-an-Rusgaich a’ gaireachdaich air. Thuirt am famhair. “Tha sinn gle fhada aig an obair so; feuchaidh mi air doigh eile thu. Theid sinn ’s feuchaidh sinn co againn is laidire a thilgeas clach an aodann creige a tha air taobh thall an eas.” “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fhalbh am famhair ’s thrus e na clachan a bu chruaidhe a b’ urrainn da ’fhaotainn, a’s chaidh Mac-an-Rusgaich ’s fhuair e creadh ’s rothail e ’n a buill bheaga chruinn’ i, agus chaidh iad a dh’ionnsaidh taobh an eas. Thilg am famhair clach an aodann na creige ’s chaidh a’ chlach ’n a criomagan, ’s thuirt e ri Mac-an-Rusgaich, “Dean sin, a bhalaich.” Thilg Mac-an-Rusgaich dudan d’ an chreadh agus stic e ri aodann na creige, a’s thuirt e ris am fhamhair, “Dean sud, a bhodaich.” Thilgeadh am famhair cho laidir ’s a b’ urrainn da; ach mar bu mho a chuireadh am famhair de neart [TD 243] [Vol. 2. No. 32. p. 3] leis a’ chloich ’s ann a bu mheanbha a bhristeadh i. Ghaireadh Mac-an-Rusgaich ’s thilgeadh e ball beag eile d’ an chreadh ’s theireadh e, “Cha ’n ’eil thu ’g a leth thilgeadh; nach toir thu air a chloich sticeadh anns a’ chreig mar a tha mise a’ deanamh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; theid sinn ’s gabhaidh sinn ar dinneir, a’s an sin feuchaidh sinn co againn is fhearr a thilgeas a’ clach-neart.” “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich, ’s chaidh iad dachaidh. Thoisich iad air an dinneir, a’s thuirt am famhair ri Mac-an-Rusgaich, “Mur ith thu d’ an aran ’s d’ an chaise uibhir ’s a dh’ itheas mise, theid iall a thoirt as do chraicionn bho chul do chinn gu d’ shail.” “Dean seachd dheth,” arsa Mac-an-Rusgaich, “air chumha ’s gu ’n teid seachd iallan a thoir as a’ chraicionn agadsa bho chul do chinn gu d’ shail mur ith thu uibhir ’s a dh’ itheas mise.” “Feuch riut ma ta,” ars’ am famhair. “Stad gus am faigh mise deoch,” arsa Mac-an-Rusgaich ’s chaidh e mach a dh-fhaotainn deoch,” agus fhuair e balg leathraich, ’s chuir e am balg eadar a leine ’s a chraiceann, ’s chaidh e a stigh thun an fhamhair ’s thuirt e ris, “Feuch riut a nis.” Thoisich an dithis air itheadh an arain ’s a’ chaise. Bha Mac-an-Rusgaich a’ cur an arain ’s a’ chaise anns a’ bhalg a bha ’stigh fo ’leine. Mu dheireadh thuirt am famhair, “‘Is fearr sgur na sgaineadh.’” “Is fearr sgaineadh fhein na biadh math, fhagil,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Sguiridh mise,” ars’ am famhair. “Theid na seachd iallan a thoirt o chul do chinn gu d’ shail,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Feuchaidh mi fathast thu,” ars’ am famhair. “Tha do dha roghainn agad,” arsa Mac-an-Rusgaich. Fhuair am famhair gruth a’s cea ’s lion e cuman da fein ’s cuman eile do Mhac-an-Rusgaich. “Feuchamaid co againn is fearr a nis,” ars’ am famhair. “Cha ’n fhada gus am faicear sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Feuchamaid co againn is luaithe a dh’ olas na tha ’s a’ chuman.” Dh’ ol Mac-an-Rusgaich a leoir ’s chuir a’ chuid eile anns a’ bhalg, ’s bha e ullamh air thoisich air an fhamhair, ’s thuirt e ris. “Tha thu air deireadh.” Sheall am famhair air ’s thuirt e, “Is fearr sgur no sgaineadh.” “Is fearr sgaineadh fein na biadh math ’fhagail,” arsa Mac-an-Rusgaich. Theid sinn a mach a dh-fheuchainn co againn is fhaide a thilgeas a chlach-neart, m’ an dean sinn tuilleadh,” ars’ am famhair. “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich. Chaidh a mach far an robh a chlach, ach bha am famhair cho lan ’s nach b’urrainn da cromadh g’ a togail. “Tog a’ chlach sin agus tilg i,” ars’ am famhair. “Tha onair toiseach toiseachaidh gu bhi agad fein,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fheuch am famhair ris a’ chloich a thogail ach cha b’urrainn da cromadh. An sin dh’ fheuch Mac-an-Rusgaich ri cromudh ’s thuirt e, “Cha bhi a leithid so de bhalg a’ cumail bacaidh ormsa,” ’s tharraing e sgian a truaill a bha ri ’thaobh, chuir e an sgian sa’ bhalg a bha air a bheulaobh ’s leig e mach na bha ann, ag radh, “Tha tuilleadh ruim a mach na ’tha ’stigh.” “Nach tilg thu na ’s fhaide na sin i?” ars’ am famhair. “Cha do thilg thusa cho fada ri sin fhein i,” arsa Mac-an-Rusgaich. “A nall a so do sgian,” ars’ am famhair. Shin Mac-an-Rusgaich an sgian aige do ’n fhamhair; ghabh am famhair an sgian agus stob e stigh ’n a bhru i a’s leig e mach am biadh, ’s thuit e gu lar, agus fhuair e bas. Chaidh Mac-an-Rusgaich a stigh do thig an fhamhair ’s fhuair e an t-or ’s an t-airgiod aige. Bha e an sin beairteach ’s dh’fhalbh e dhachaidh lan thoilichte. Leighseadh mise o chuing, le MINARD’S LINIMENT. Bay of Islads. I. M. CAIMBEAL. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LININENT. Springhill, N. S. Um. DANIELS. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY. Bha fear-lagha ann uair a bha anabarrach diochuimhneach. Bhiodh e a ghnath a’beachd-smuaineachadh, agus bhiodh aire air a thoirt air falbh gu buileach o na bha ’dol air adhart mu’n cuairt da. Aon latha thainig air an oifig fhagail, agus an deigh dha an dorus a ghlasadh, chuir e suas paipear beag air an robh sgriobhte, “Bidh mi air ais aig leth-uair an deigh a dha.” An deigh dhol beagan shlatan sios an t-sraid dh’ionndrain e a leabhar-poca, agus chuir e mu’n cuairt ’ga iarraidh. Rainig e an dorus, chunnaic e am paipear, ’s leugh e na bha sgriobht’ air, “Bidh mi air ais aig leth-uair an deigh a dha.” agus an sin shuidh e sios air an starsaich a dh’ fheitheamh ris fhein! Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 244] [Vol. 2. No. 32. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 3,1894. DOIGH AN FHREASDAIL. Bha ceannaiche araidh uair air thurus a dol dhachaidh bhar feille; b’ann am marcachd a bha e agus bha e giulain poca air cul na diollaide anns an robh suim mhath airgid. Cha robh e fad air adhart ’nuair a thoisich an t-uisg’ air sileadh gu trom, agus an uine ghoirid dhruidh e air dh’ionnsaidh a chraicinn. Thoisich e air a bhi gle mhi-thoilichte na inntinn, ag radh ris fhein gum b’olc an caradh a rinn am freasdal air ann a bhi cur a leithid a shide air an am dha bhi air turus. Bha aige ri dhol troimh choille, agus ’nuair a bha e far ’m bu dluith na craobhan, ruith fear reubainn a mach, chuir e ghunna ri shuil ’s dh’ fheuch e ri losgadh air. Bhiodh e air a mharbhadh air ball mur bitheadh gu’n do fhliuch an t-uisge ’m fudar a bh’ anns a gnunna air chor ’s nach gabhadh e teine. Chuir an ceannaiche na spuir ris an each ’s fhuair e gu fortanach tarradh as. ’N uair rainig e aite sabhailte, thuirt e ris fein: “Nach bu mhise ’n t-amadan a gearaim air an droch shide. Na’n robh ’n t-adhar air bhi glan gorm, agus a ghaoth tioram blath, bhithinn an drasda ’nam shineadh marbh, agus cha’n fhaiceadh a chlann a tha ’n drasd ’g am fheitheamh an athair am feasda. Ghleidh an t-uisge, air an robh mi a’ gearain, mo bheatha ’s mo chuid. Feuchuidh mi ri bhi na’s glice na dheigh fo, agus cuimhneachadh gur e ’n ni a chuireas Dia ’na dheagh fhreasdal orm a’s fhearr dhomh na’n ni a shaoileas mi fein.” IAIN AGUS A CHNAP CRUAIDH. An cluinn thn, Iain, nach gabh thu deur beag air a’ mhaduinn fhuair so!” ars’ Osdair araidh ri seoaldair a bha ’gabhail an rathaid seachad air an tigh aige. Bha an seoladair roimhe so ’n a fhior mhisgeir agus air iomadh bonn airgid fhagail ann an tigh an duine a bha bruidhinn ris; ach bha e nis bho chionn bliadhna an deigh boid a thoirt an aghaidh deoch laidir. “O? cha ’n urainn mi, a dhuine choir, cha ’n urainn mi ol, tha cnap cruaidh agam, an so air mo thaobh, O! an cnap cruaidh tha ’n so,” ars’ an seoladair, is e ’cur a laimh air a thaobh mar gu ’m biodh e air a chradh leis. “Is e thu sgur de ’n dram a dh’ aobhacaich an cnap sin dhuit; bheir beagan de dheoch mhaith air falbh e ann an tiota, ach ma bhitheas thu cho gorach ’s gu ’m fuirich thu bho d’ ghrog, is e ’s docha gu’m fas an cnap sin agad na ’s momha, agns gu ’n tig cnap cruaidh air an taobh eile agad mar an ceudna.” “Ro cheart, ro cheaat, a dhuine.” ars’ an Seoladar, is e ’toirt poc oir a mach as a phocaid-achlais agus ’g a chumail suas ann an sealladh an Osdair. “Tha thu ceart a radh ma thoisicheas mi air an ol gu ’m falbh mo cnap; ach ma dh’ fhuireas mi uaith gu ’m fas e na ’s momha. Beannachd leat, osdair, le comhnadh an Tighearna cumaidh mi mach as do lion-sa agus feuchaidh mi ri cnap fhaighinn air gach taobh.” Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh Tha na Staitean an deigh a chis a bha iad roimhe so a cur air gual Chanada a leagail o 75 cts. gu 50 cts. an tunna. Cha’n eil teagamh nach bi an deigh so barrachd de ghual na duthcha so air a reic ’sna Staitean air thailleabh an lagha sin. Leighseadh Minard’s Liniment Breac. Tha fear Lawrence Peterson anns a phriosan ann an Sidni a Tuath air son stove agus pioban a ghoid a seann tigh sgoile a tha ’sa bhaile sin. Ma bha teine anns a stove dh’ fhaoite gu’m bu choir a leisgeul a ghabhail oir bha’n t-side gle fhuar. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. [TD 245] [Vol. 2. No. 32. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh coig muilleinean deuga de thunnachan guail a thoirt a meinnean Cheap Breatuinn le coig ceud deug tunna fudair, agus cha do mharbhadh ach triuir ris an obair sin uile. Chaidh an tigh aig an Urr. Uilleam Calder, am Mira, a losgadh gu lar maduinn na Sabaid s’a chaidh, agus cha robh ann ach gu’n d’ fhuair iad as le’m beatha. Cha do shabhaileadh ni dheth na bha san tigh. Tha e ro choltach gu bheil an eaglais mhor ne ’m Paillean, aig Dr. Talmage ri bhi air a toirt uaithe le luchd mam fiach. Ged chaidh a cur suas cha do phaigheadh air a son riamh. Cha’n urrainn gu bheil an cothional aige gle throm air a chreideamh. Bha searmon Gailig air a thoirt do Ghaidheal Lunnuinn air an 11mh latha dhe’n mhios s’a chaidh leis an Urr. Raonull Dingwall, a Poolewe. Bidh an ath shearmon Gailig air a thoirt daibh air an 8mh latha de dh’ April, leis an Urr. Alasdair Stiubhart, a Lochaber. Thachair sgiorradh ann am meinn bheag a tha faisg air Plymouth, Pennsylvania, agus chaill tri duine deug an beatha ’s iad aig an obair. Dh’fhag a h-aon deug dhiubh teaghlaichean. Chaill fear dhiubh a bhean mios roimhe so, agus le ’bhas fhein dh’ fhagadh ceathar chloinn gu duine sheallado riutha. Bha fear Tearlach Weiner na fhear ceairde ann an New York, agus bha deagh obair aige fhad ’sa leanadh e rithe. Bha e o chionn choig bliadhna fichead a feuchainn ris an innleachd sin ris an abrar perpetual motion a dhealbh, mar a-bha iomadh duine glic us gorach roimhe. Chaill e ’obair o chionn ghoirid agus thug e aire gu buileach an sin da’n innleach a bha e cur roimhe a dheanamh. ’Nuair nach deachaidh leis, dh’ fhas e trom-inntineach agus air an t-seachdair s’a chaidh chroch e e-fhein. Leighsidh Minard’s Liniment ghoirt. Tha sinn a tuigsinn gu bheil Gaidheil Bhaddeck an deigh sgoil-sheinn Ghailig a chur air chois. Tha Gailig air a searmonachanh anns an eaglais Chleirich ’sa bhaile sin a h-uile sabaid, agus chunnaic iad iomchuidh air an aobhar sin gu’m biodh comas air a thoirt do luchd-na-Gailig seinn ionnsachadh na’n canain binn fein chum ’s gum biodh an t-seirbheis air a cumail suas cho math ’s bu choir. Tha iad-san a chuir an sgoil air chois ri ’m moladh air son an dilseachd agus tha sinn an dochas gu’m soirbhich leotha gu math ’s gu ro-mhath. Tha Mrs. Clarke Kruger, Michigan City, marbh, agus tha a teaghlach, seachdnar air fad a basachadh, iad uile air am puinnseanachadh le droch fheoil a bha iad ag itheadh. Shearmonaich an t-Urr. Donnachadh Mac Eanruig, ministeir ma Beinne Guirm, N. S., ann am Bridgeport maduinn na Sabaid s’a chaidh, agus ann an aon do dh’ eaglaisean Shidni ’san fheasgar. Tha coinneamh gu bhi aig cairdean na stuamachd anns a bhaile so Di-mairt s’a tighinn air son gum biodh cuisean air an cur gu soilleir fa chomhair an t-sluaigh, chum ’s gum bi iad comasach, ’nuair a thig an latha air bhotadh gu tuigseach air a cheist. “Am beil no nach eil e iomchuidh bacail a chur air reic an stuth laidir.” Tha Ghearmailt mar dhuthaich a fas na’s ainmeile gach bliadhna air son a foghluim. Tha a h-oll-thighean air am meas os cionn oil-thighean gach rioghachd us duthaich eile ann am meuran araidh de dh’ fhoghlum agus tha foghlumaichean oga as gach duthaich san domhan a cruinneachadh annta. Air a gheamhradh so tha seachd mile fichead annta. Tha ceithir de mhor-roinnean Chanada an deigh an guth a thogail gu laidir air son bacail a chur air reic deoch laidir, Manitoba, Ontario, New Brunswick agus Eilean Phrionn’s Iomhair. Ma theid Nova Scotia an aon rathad riu sin, rud is coltach gu’n teid, cha bhi gun am barail a thoirt seachad ach Quebec us Columbia Bhreatunnach. Bha dithis mhnathan uair a bruidhinn mu na cogaidhean mora ’bha o am gu am eadar an Fhraing us Breatunn. “Ach,” arsa te dhiubh, “de ’s coireach gu’m b’ iad na Breatunnaich a thug buaidh a h-uile turus?” “Oh,” ars an te eile “bha na Breatunnaich ag urnuigh, agus thug Dia dhaibh a bhuaidh.” “Ach nach docha gu robh na Frangaich ag urnuigh cuideachd,” ars a cheud te. “O na creutairean leibideach,” ars an te eile, “ged a bhiodh iad-san ag urnuigh, co a thuigeadh iad?” Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. Theich fear Senmas C. Bain a Toronto le suim mhor airgid toiseach na bliadhna so, agus thug e ceann a deas America air. An deigh dha ceithir mile de mhilltean a chur eadar e-fein us an t-aite anns an d’rinn e mheairle, rugadh air agus tha e nis air a thurus dhachaidh air churam oifigich an lagha agus cuirt us tigh oibreach a feitheamh air. Bha latha ann agus dh’ fhaodadh meairleach no eadhon murtair dulan a thoirt do’n lagh le duthaich eile ’thoirt air, ach dh’ fhalbh an latha sin. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 246] [Vol. 2. No. 32. p. 6] COMHRADH. AM MAIGHTIR-SGOILE AGUS CALUM POSTA. (Atr a leantuinn.) M. SG,—Cum d’ airgiod ad sporan, Eoghain, cha ’n ’eil dad r’ a phaigheadh: dh’ fhalbh an latha sin ’s thainig latha ’s riaghailtean a’s fearr. CAL.—Chi sinn, mar a thuirt an dall. EOGH.—Cha ’n ’eil mi gu ro mhaith ’g ar tuigsinn. ’N e nach ’eil dad r’a dhioladh air son litrichean? M. SG.—Phaigh do mhac i, ’s cha robh sin ’n a ullach dha; thug an sgillinn ruadh a Sasunn i, agus cuiridh sgillinn eile fios-freagairt air ais. Sin agad an riaghailt ur. Nach cord sin riut! EOGH.—Cha chuala mi riamh a’ leithid; cha b’ fhearr a nasgaidh iad—riaghailt cheanalta? CAL.—A’ Bhan-righ, Eoghain; caileag laghach, Eoghain; aco tha i og; ’s beag tha fhios aic’ air a liughad ceum eadar so a’s Lunnuinn. Cha seas an riaghailt ur so, cha ’n urrainn i seasamh; cha ’n ’eil ann ach amaideachd? M. SG.—Uist! a Chalnim; cha tig e dhuit-sa bhi ’labhairt mar sin mu ’n Bhan-righ a tha ’cumail na spaine ’m beul do theaglach. Am bheil duil agad nach ’eil luchd-comhairle maith aice? CAL.—Theagamh gu ’m bheil—theagamh gu ’m bheil—ach cha do choisisich iad riamh an Leathar Mhuileach, ’s cha mho bha iad air an aiseag ri sneachda ’s ri gaillinn mar bha mise ’n de, air neo cha smaointicheadh iad aon litir a chur an rathad so air son sgillinn. EOGH.—A’ bheannachd sin orrasan a chur ann am chomas seanachas a bhi agam ri Ailein bochd air son sgillinn. Chi sibhse, mhaighstir-sgoile, gu ’m bi fichead litir a nis air son an aoin a bh’ ann roimhe so. Cha chaidil mi ’n nochd gus an sgriobh mi litir a dh-ionnsaidh Ailein, agus tha iomadh aon ’s an sgireachd a ni ’n gnothuch ceudna. ’S mithich do na sgoileirean a bhi ’cur nam peann air uidheam—litir do Shasunn air sgillinn? CAL.—A’ pheic air an sgillinn ’s gun an sgillinn ann. EOGH.—Tha ’n sgillinn ann. Tha mi ’m dhuine bochd, ach ’d e dheth sin, am bheil agam ach gum ghreim tombaca ’chur fo m’ fhiacail fad latha, ’s tha mi leis a sin a’ caomhnadh na chumas suas eolas air mo mhac, na leigeas domh mo chridhe fhosgladh dha, suidhe le m’ ghaoilean mar gu ’m b’ ann taobh nan cnoc, no taobh a’ ghealbhain; tha mise ’g radh riut gu ’m paigh mi sgillinn cho togarrach ’s a rinn mi rud riamh ged nach robh agam r’a innseadh dha ach gu ’m bheil Robag bheag, an abhag beo, ’s mar a mharbh i ’m feocallan an la roimhe. Sgillinn ann!—cha ’n ’eil tigh as am bheil smuid nach faod cearc eile ghleidheadh, agus beiridh i de dhuibhean air son na cailliche Gallda na chumas seanachas r’ an cairdean feadh an t-saoghail. Biodh iad a’ bruidhinn, ach ma ’s e ’n Reform, no ciod a’s ainm dha, an Reform a rinn so, ’s maith na rinn e—an riaghailt ghasda! CAL.—’S oil leam nach robh do dha shlinnean air an rusgadh mar tha iad agam-sa; ’s cha bu ghearan na ’m paigheadh an gnothuch. Tubhaist air na h-amhlairean gun tuigs’ a smaointich air a’ leithid! Ma tha ’h-uile comhairl’ eile ’tha iad a’ toirt do ’n Bhan-righ cosmhuil rithe so, cha seas ise no iadsan fada; bithidh iad cho bhriste ri long mhor an iaruinn, no ri marsant’ a’ ghuirmein. M. SG.—Ciod so ’n gearan a th’ ort? Fhad ’s a gheibh thusa ’s mise ar tuarasdal cha bhuin e dhuinn a bhi ’faotainn coire dhoibh-san a tha thairs oirnn. CAL.—Fhir mo chridhe, ’s fhurasda dhuit a bhi ’labhairt aig nach ’eil a bheag r’a dheanamh ach do sgian bheag, bhoidheach a thoirt a mach a d’phoca ’s gob ur a chur air do pheann; ’s ionann duit-sa miltean litrichean ris an fhichead; ach na ’m biodh a’ mhaileid agad r’a giulan, dh’ atharraicheadh tu do chainnt. Cha phaigh e gu dilinn, tha mi ’g radh riut. M. SG.—Stad thusa, Chaluim; ged nach’ eil a’ bheag r’a fhaotainn air son na thainig, cuimhnich gu ’m bheil sgillinn air son gach fios freagairt. (Ri leantuinn.) ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s saoire tha ’n Sidni. Shearmonaich ministeir ainmeil aon mhaduinn o’n cheann-teagaisg. “Tha sibh ’n ur clann aig an Diabhul,” agus an deigh mheadhon-latha o na facail, “A chlann bithibh umhail de ur parantan!” Dh’ fheoraich bean-uasal aon uair de lighiche co dhiu a bha snaosain cronail do’n eanchainn? “Cha’n eil,” ars esan, “oir cha do ghabh fear no te aig an robh eanchainn snaosain riamh! Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts., agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 247] [Vol. 2. No. 32. p. 7] Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. V.—Air a leantuinn. ’N uair thainig na maraichean dluth bha eagal orra rithist roimh Chriosduidh na bu mho, do bhrigh gun do sheas e fa’n comhair, gun arm air ach a mhain armachd na fireantachd. Rachadh iad air an ais—oir bha gradh mor aca dha’n sgiobair—ach phut an Seann Duine Dearrsadh, agus phut esan Ceann-Cruaidh, agus mar sin air adhart, gus na theab iad Criosduidh fein a phutadh, neach a thuirt riutha a mhain, “Tha’n Tighearna dluth.” Thuit na maraichean air ais mar gum bitheadh iad air am bioradh le claidheamh da fhaobhar. Air do’n t-Seann Duine eagal a ghabhail gu robh gach cuis caillte, ruith e dh’ionnsuidh an toisich a toirt dulan do Chriosduidh, neach a chuir na aghaidh, a tarruing claidheamh an spioraid agus ’ga sadadh gu boillsgeach timchioll an t-Seann Duine ann un cuairt theine. An sin shuidhich Criosduidh e-fein dluth ris a chrann mhor, agus ghairm e na maraichean gu beachd a ghabhail air-san a bhasaich chum iad-san a thearnadh. Bha e mar fhamhair air urachcdh le fion ur. Chriothnaich an Seann Duine o ’cheann gu ’shail. Chaidh briathran Chriosduidh—a mheas na maraichean an deigh so mar shearmonachadh a chroinn-cheusaidh—a steach dh’ionnsuidh cridheachan luchd na ceannairc mar chumhachd an De chumhachdaich. Thiondaidh iad air falbh agus dh’fhag iad an Seann Duine gu ’dhan. Bha an suilean air am fosgladh agus ghabh iad grain dhiu fein. Dh’fhag Criosduidh iad a beachd smuaineachadh orra fein, air dha toirt fa-near gun ghabh iad aithreachas air son am peacaidhean; ni mo a thogadh e lamh an aghaidh an t-Seann Duine gus an robh iad dearbh chinnteach gum aingeal dorchadais a bh’ ann. Chruinnich iad mu thimchioll Timoteus, aig an robh aithe’ iomlan air slighe an Tighearna, agus labhair e riutha mu gach ni a rinn agus a dh’fhuiling an Tighearna, ag aithris nam briathran grasmhor a thuit o bhilean. Dh’eisd iad agus ghuil iad; bha eadhon Cridhe Cruaidh bruite na spiorad. Chriothnaich an Seann Duine fodh fhocal an Tighearna; dh’has a chorp rag, thuit e a thaobh a chuil, a shuilean a spleuchdadh agu a theanga mach. Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle saor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De ’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 248] [Vol. 2. No. 32. p. 8] EILEAN AN FHRAOICH. LE M. MACLEOID. Tha Leoghas bheag riabhach,— Bha i riamh ’s an Taobh Tuath,— Muir traghaidh is lionaidh ’G a h-iadhadh mu ’n cuairt; N uair a dhearrsas a’ ghrian oirr’ Le riaghladh o shuas Bheir i fas air gach siol Air son biadh dh’ an an t-sluagh. FONN:— A chiall nach mise ’Bha ’n Eilean an Fhraoich! Nam fiadh, nam bradan, Nan feadag, ’s nan naosg! Nan lochan, nan toban, Nan osan ’s nan caol— Eilean innis nam bo, ’S aite-comhnuidh nan laoch! An t-Eilean ro mhaiseach, Gur pailt ann am biadh; ’S e Eilean a’s aillt’ air ’N do dhealraich a’ ghrian; ’S e Eilean mo ghraidhs’ e, Bha ’Ghailig ann riamh; ’S cha ’n fhalbh i gu brath as Gu ’n traigh an Cuan Siar! ’N am eiridh na greine Air a shleibhtibh bidh ceo, Bidh ’bhanarach ghuanach ’S a’ bhuarach ’n a dorn Ri gabhail a duanaig ’S i ’g uallach nam bo ’S mac-talla nan creag Ri toirt freagairt d’ a ceol. Air feasgar an t-samhraidh Bidh sunnt air gach spreidh; Bidh ’chuthag is fonn oirr’ Ri oran di fein; Bidh uiseag air lon Agus smeorach air geig, ’S air cnuic ghlas’ is leoidean Uain oga ri lenm. Gach duine ’bha riamh ann Bha ciatamh ac’ dha, Gach ainmhidh air sliabh ann, Cha ’n iarr as gu brath; Gach ian ’theid air sgiath ann Bu mhiann leis ann tamh; ’S bu mhiann le gach iasg A bhi ’cliathadh ri ’thraigh. Nam faighinn mo dhurachd ’S e ’luiginn bhi og, ’S gun ghnotach aig aois rium Fhad ’s a dh’ fhaodainn bhi beo; Bhi ’n am bhuachaill’ air airidh Fo shail nam beann mor’ ’M bad ’s am faighinn an cais’ ’S bainne blath air son oil. Cha ’n fhacas air talamh Leam sealladh a’s boidhch’ Na ’ghrian a’ dol sios Air taobh siar Eilean Leoghais; ’N crodh-laoidh anns an luachair ’S am buachaill’ ’n an toir, ’G an tional gu airidh Le al de laoidh og’. Air feasgar a’ gheamhraidh Theid tionndadh gu gniomh Ri toirt eolais do chlainn Bidh gach seann duine liath; Gach iasgair le ’shnathaid Ri caradh a lion, Gach nighean ri cardadh ’S a mathair ri sniomh. B’e mo mhiann bhi ’s na badan ’S ’na chleachd mi bhi og, Ri direadh nan creag Anns an neadaich na h-eoin; O’n thaing mi ’Ghlascho Tha m’ aigneadh fo bhron, ’S mi ’call mo chuid claistneachd Le glagraich nan ord. Dh’ fhalbh an t.Urr. I. F. Forbes air a charbad maduinn Di-luain s’a chaidh, air son a theaghlach a thoirt gu Sidni far am beil e nise steidhichte. Tha suil aige bhi air ais mu mheadhon na seachdain s’a tighinn. Tha muinntir Beinn-a-Bhaola an deigh tagradh a chur gu Uachdaranachd Bhreatuinn air son bata-smuide bhith taghal aca. Roimhe so agus aig an am so fein, cha’n eil bata-smuide ’tighinn na’s faisge orra na Loch-Bhaoghasdail, da mhile air fhichead uapa agus tha aca ri’n cuid bathair a thoirt o’n phort sin ann am bataichean, agus tha e mar sin ro chosgail dhaibh, n thuilleadh air gu bheil an cladach agus an cuan gle gharbh ri’n seoladh. Tha faisg air da mhile sluaigh am Beinn-a-Bhaoghla, agus o’n tha bataichean smuide a’ taghal aig eileanan a cheart cho beag ris no na’s lugha na e, mar tha Hirt, Uidhist us Barraidh, cha’n eil teagamh nach faic maithean na rioghachd freagarrach gu’m biodh an iarrtus air a thoirt dhaibh. Tha e air a radh gu bheil ann an cearn araidh de Shiorramachd Rois, teaghlach de throichean a comhnuidh. Bha ann dhiubh dithis bhraithread ns piuthar, ’s bha iad eadar tri troidhean us tri gu leth a dh’ airde. Chaochail an aon nighean o chionn ghoirid, an deigh dhith tri fichead bliadhna ’sa coig a ruigheachd. Bha iad ’nan triuir air beulaobh na ban-righ uair us uair re an da fhichead bliadhna ’chaidh seachad. K. D. C BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’ againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 249] [Vol. 2. No. 33. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 10, 1894. No. 33. Litir Strathalba. FHIR MO CHRIDHE,—Tha thu o àm gu àm, a toirt duinn ainnan na feadhnach a tha gabhail, agus a dioladh air son, a MHAC-TALLA. Sin agud a phàirt cho taitneach ri leughadh ’s a tha ’nad phaipeir gasta. Tha na Gàidheil mar so a faotuinn eòlais air aon a chéile. Fhuair mi féin eòlas mar tha air àireamh nach b’ aithne dhomh gu so, agus doch’ air nach cluinninn iomradh gu bràth mur b’ e thu chur an ainm an ’s a MHAC-TALLA. Feuch nach sguir thu a bhi toirt duinn ainm a h-uile mac is nighean màthar a chuireas dollar a d’ ionnsuidh. Tre ’n MHAC-TALLA bheir sim crathadh làimhe dhaibh sud ged bhiodh na cuaintean eadaruinn. Cha n-e Mr Iain na aonar—slan iomradh air—a tha faotuinn eòlais air càirdean tre ’n MHAC-TALLA. Chunna mi o cheann ghoirid gu bheil do phaipeir a dol do thigh Sgèaboist. Thug e fior thoileachadh dhomh fhaicinn gu bheil MAC-TALLA air a leughadh leis an uasal cheanalta, Lachlainn Sgèaboist, an t-uachdaran-fearainn a’s fearr an Alba. Agus thaobh ’s nach aithne do chuid de d’ luchd-leughidh fear Sgèaboist bheir mi le d’ chead, ann am beagan fhacal daibh cunntas air co e. Cha ruigear a leas a radh gur Gàidheal e, seadh agus mac an t-sàr Gàidheil, Dòmhnullach de chloinn Eachainn. Bha athair iomadh bliadhna na oifigeach anns an Ord an “Sléibhte ghorm a bharraich.” Mar sin is mac do Fhear an Uird Lachlainn Sgèaboist. Buinidh e thaobh a mhàthar do chloinn Leòid Ghéisto, meur de’n fhine chlùitich da ’m bu duchas Dumbheagain nan cliar. Rugadh fear Sgèaboist anns e bhliadhna 1833. Fhuair e bhreth is arach ann an eilean uaine ’cheò. Cha b’ann mar Ghall no mar Shasumach a fhuair e àrach. Theagaisgeadh da na òige bhi measail air a dhùthaich ’s air a chainnt. Tha bhuil; cha ’n eil an diugh an Alba o cheann gu ceann, gun tàire a’ thoirt do dhuine eile, neach anns a mò bheil de spiorad an fhìor Ghàidheil. ’Nuair bha e ochd bliadhna deug a dh’ aois chaidh e do na h-Innsean a dh’iarraidh ’fhortain: agus chaidh gu math leis. ’Nuair thainig e air ais cheannaich e Sgèabost agus Bearnasdul o bhràthair-a-mhàthar Coinneach Mor Ghéisto, mar theirte ris anns an Eilean Sgiathanach. Dh’ fhag an duine cliùiteach so cuimhneachan air fhéin ’san eilean ud, anns an tigh-eiridinn a dh’ àithn e chur air a chosdas féin anns an Eudan-Bhàn. Tigh anns am beil gach goireas agus sgil ri fhaotunn a tha feumail do luchd tinneis. Thainig Lachlainn Dòmhnullach air ais as na h-Innsean anns a bhlidhna 1870 agus uaithe sin gu so tha e chòmhnuidh le a theaghlach, air oighreachd féin, far ’m bu chòir do na h-uile tighearna-fearainn a bhi. ’S taitneach a bhi cluinntinn gu bheil uaisleàn òga teaghlach Sgèaboist a leantuinn ri’n dualchas ann a bhi dileas d’ an cainnt ’s d’an dùthaich. Cha bu mhic mar an t-athair iad mar biodh sin mar sin. Tha tuath Sgèaboist agus Bhearnasduil measail air an uacharan agus is fiach dhaibh sin. Chuala mi gur h-ann mar so a chum e Iubilee na ban-righ. Ghairm e ’n sluagh gu aon àite agus, an sin, thug e cothrom do gach neach a chroit, no a mhìr fearainn, féin a mheas. Agus a reir a meas a rinn iad fein bha ’m màl air a shuidheachadh orra o sin a mach. ’S ann mar chuimhne air a sin a chuir a bhana bhàrd na rainn so ri chéile:— Chuir thu onair air a’ Bhàn-righinn Riamh nach cuala neach a shamhladh Air a dheanamh fo ’comannda Bho ‘n la fhuair i snaim a crùin. Chuir thu onair air na Gàidheil, Air do chinneadh ’s air do chàirdean; ’S fhad ’s bhios anail aig na bàird Gu‘m bi do chliù le gradh ga sheinn Tha gach bantrach agus truaghan Tha air d’ oighreachd is m’an cuairt di ’Guidhe slàinte ’s saoghail buain duit Agus suaimhneas aig a cheann. Tuigear o na chaidh ràdh gu ’m heil Fear Sgèaobist na uachdaran math agus na shàr Ghàidheal. Agus a measg gach dearbhadh eile air a run math do ’n Ghàelic tha e bhi cur fios air MAC-TALLA null a Chape Breituinn. C. C. Strathalba, P. E. I., Mart 6, ’94. O’n Urr, D Domhnullach. A CHARAID IOUMHUINN,—Tha mi a’ cur dollar ’san litir-sa air son a MAC-TALLA. Is math is fhiach e dollar. Mar is trice bheir beagan do dh’ oibir chruaidh air làe no dhà dollar gu duine; agus co a dhiultadh an dollar sin a thabhairt air son bliadhna do leughadh fallainn, grìnn, Gàidhealach, ann an deagh ordugh, mar a gheabhar sa MHA-CTALLA. Piseach oirbh! UR CARAIDE, D. DOMHUNLLACH. Port Hastings, C. B. Tha’n t-side ’n deigh tionndadh brigha; tha’n sneachda a falbh a h-uile latha, agus tha blàths againn a tha rud-eigin coltach ri blàths an earraich. Leis an aiteamh a tha na ròidean fàs dona agus gu math doirbh faotainn trompa. Cha d’ thainig geamhbradh oirnn riamh gun luch-fiosachd a bhi na lorg, a deanamh gach seòrsa fiosachd us fàisneachd air an urrainn do neach smaoineachadh. Tha fear ùr againn an dràsd, ag innseadh gu bheil stoirmnean gàbhaidh ri bhi ’san America Thnathaich so eadar an seachdamh latha dhe’n Mhart ’san treas latha deug a dh’ April. Ma thig an darra leth dheth na tha esan ag radh a thig tha ’n t-am againn uile bhi ’cur ar taighean an òrdugh. Tha sneachda ’s uisge, tàirneanaich us dealanaich, ’s moran de nithean eile dhe’n t-seorsa sin gu bhi ageinn. Tha iad ag radh gu bheil am fàidh ùr so cheart cho firinneach ri Braley’s Almanac, ’s ma tha fòghnaidh. [TD 250] [Vol. 2. No. 33. p. 2] MAIRNEALACHD. Agus Rud no Dha Eile. LE IAIN. ANNS an aimsir a dh’ fhalbh bha na Gàidheil mòran ni bu bheachdaidhe na tha iad ’n ar latha agus ’n ar linn-ne. Cha robh guth no iomradh ’s an am ud air na nithean a tha ’togail aire agus inntinn an t-sluaigh an diugh air falbh o bhith ’toirt fa near na nithean iongantach a tha ri’m faicinn mu’n cuairt dhaibh anns an t-saoghal. Cha robh paipeirean-naigheachd ann, ’s an àm ud, a chum a bhith ’tarruinn an aire o ’n gnothaichean fhéin a dh’ ionnsuidh nithean a bha ’tachairt ann an ceàrnan eile dhe ’n t-saoghal, agus o nach robh, bha ’chuid bu ghlice agus bu tuigsiche de’n t-sluagh a’ gabhail beachd gu dlùth air gach ni a bha mu’n cuairt dhaibh, araon air muir agus air tìr. Bha iad gu sònraichte a’ gabhail beachd air mar a bha ’n t-sìde ag atharrachadh o àm gu àm eadar da cheann na bliadhna. Ged nach robh iad fòghluimte anns an t-seadh anns am bheil am facal Foghlum, air a thuigsinn ’n ar measg-ne air an latha ’n diugh, bha iad glé fhòghluimte ’nan dòigh fhéin. Bha leabhar mòr nàdair fosgailte fa’n comhair o latha gu latha, agus am feadh ’s a bha iad gu glic, dichiollach a’ feuchainn ri ’m beo-shlaint’ a thoirt à muir ’s à tìr, bha iad aig a’ cheart àm a’ gabhail beachd air mar a bha aimsirean na bliadhna’ tighinn a steach, agus air na comharraidhean leis am faodadh iad a thuigsinn cuin a dh-atharraicheadh an t-sìde. ’N ar latha ne, tha iomadh dòigh aig àrd luchd-fòghlum air fios fhaotainn air mar a tha atharrachadh gu tighinn air an t-sìde air nach robh fios sam bith aig duine beò a bh’ air ur uachdar au t-saoghail o chionn ceud, no ceud gu leth bliadhna roimhe so. Ged a tha so fìor, tha e mar an ceudna fìor gu ’m b’ fheàrr a b’ aithne do ’n chuid mhòir de na seann daoine, na comharraidhean leis am faoidte aithneachadh gu robh an t-sìde gu atharrachadh, na ’s aithne do ’n chuid a ’s mò de na bheil an diugh beò, a dh’ aindeoin an cuid ghlaineachan. Neo-ar-thàing nach ’eil spalpairean òga gu leòr ann an diugh a ni spòrs agus feala-dha gu tric mu na beachdan a bh’ aig na seann daoine còire o ’n d’ thàinig sinn. Tha iad an duil nach ’eil an leithidean fhéin idir ann. Tha iad tuilleadh is glic nam barail fhèin, agus tha fhios againn gur e comharra ’n dearg amadain duine ’bhith glic ’na bharail fhèin. Air a toradh aithnichear a’ chraobh. An uair a tha mi cumail a mach gu robh na Gàidheil a bh’ ann o chionn cheudan bliadhna ni bu ghlice ann an iomadh dòigh na Gàidheil an latha ’n diugh, faodaidh cuid a bhith ’g iarraidh dearbhaidh orm. Cha ’n ’eil e idir duilich dhomh dearbhaidhean ann am pailteas a thoirt seachad. Thugamaid fa near na tha de shean-fhacail ann am measg nan Gàidheal gus an latha ’n diugh. Dh’ aisigeadh a nuas dhuinn iad o linn gu linn. Nach anabarrach mòr an gliocas a th’ air fhilleadh a steach annta? C’ àit am faighear spalpaire, òg, fòghluimte, eadar Taigh Iain Ghròt an Gallaobh, agus caolas-na-Frainge, a chuireas briathran an altaibh a chéill, aon chuid an Gàilig no ’m Beurla, cho math ’s a th’ againn anns na sean-fhacail? Nan d’ rinn sinne a tha beò an diugh uibhir a dh’ fheum de gach cothrom a shealbhaich sinn ’s a rinn na seana Gàaidheil de na cothroman a bh’ aca fhéiu, bhiodh gach aon dhinn mòran ni bu ghlice, agus ni bu tuigsiche, agus ni b’ fhòghluimte na tha sinn. Feumaidh mi ainmeachadh mu ’n teid mi ni ’s fhaide nach ’eil mi ’toirt làn-chreideas do gach ni a dh’ fhaodas mi chur sìos an so, ged a dh’ aidich gu bheil beachd àrd agam air gliocas agus tuigse nan seana Ghàidheal. Is e th’ anns an amharc agam cunntas a thoirt seachad air na beachdan a bh’ aca, cho fad ’s is fhiosrach mi. Aìr eagal gu faod cuid a bhith ann nach tuig ciod a th’ air a chiallachadh leis an fhacal, “MAIRNEALACHD,” faodaidh mi ràdh gu bheil e ’ciallchadh, An t-eolas leis am bheil e comasach, ann an tomhas beag no mor, air innseadh gu bheil an t side gu atharrachadh no gu mairsinn mar tha i. Tòisichidh mi ma ta aig toiseach na bliadhna. Tha sean-fhacal ann a tha ’g ràdh. “Bidh aithne na bliadhna gu léir aig fear na h-aon oidhche.” A réir eachdraidh an t-sean-fhacail, tha so a’ ciallachadh, gu faod am fear a thachras a bhith air chuid oidhche ann an taigh anns nach robh e eòlach, fios a bhith aige air an dòigh anns am bi muinntir an taighe caitheamh am beatha fad na bliadhna, ma ghabhas e beachd sònraichte air gach ni a chi ’s a chluinn e, agus air gach biadh a chuirear ’na làthair. Bha na seana Ghàidheil a’ creidsinn gu faodadh iad mòran fiosrachaidh fhaotainn mu thimchioll co dhiu ’bhiodh aimsirean na bliadhna gu math no gu h-olc le beachd cùramach a ghabhail air ciod i a’ ghaoth a dh’ fhàgadh an t-seana bhliadhna aig a’ bhliadhn’ ùir. A chum fios fhaotainn air ciod i a’ ghaoth a dh’ fhagadh a’ challaig cha ghabhadh iad mu thamh gus an tigeadh a’ bhliadhn’ ùr a steach. So mar a chuala mi na briathran:— “Ma’s gaoth a’ deas, Teas is toradh; Ma’s gaoth a’ tuath, Fuachd is feannadh; Ma’s gaoth an ear, Meas air crannabh; Ma’s gaoth an iar, Iasg gu caladh.” Ann an Uidhist ’s e theireadh iad mar bu trice, “Ma’s gaoth an iar, iasg is aran,” no “iasg is bainne.” A réir choltais gu robh na seann daoine a labhair na briathran so an toiseach, agus na daoine a bha ’gan gnathcàhadh o chionn ionhdh linn, a’ creidsinn gur i a’ ghaoth a dh’ fhàgadh a’ challaig a’ ghaoth bu trice a bhiodh a’ séideadh fad nu bliadhna. Cha ’n ’eil mi’ gabhail orm fhein a radh co dhiu tha gus nach ’eil am beachd so fìor, ach tha e comharraichte gur ann o ’n deas a bha a’ ghaoth a’ séideadh an uiridh agus am bliadhna an uair a thàinig a’ bhliadhn’ ùr a steach, agus gu robh a’ ghaoth ni bu trice o ’n deas am bliadhna ’s an uiridh anns a’ Ghaidhealtachd na ’s cuimhne le bheag a tha beò. Tha e furasda gu leòr dhuinn a thuigseinn gu faodabh a leithid so ’tachairt gu math tric ’s an àm a dh’fhalbh, agus o’n a bha na daoine a bh’ ann o shean an dùil gu’ m biodh an aon ghaoth a’ séideadh aig an aon àm anns gach cearn de ’n t-saoghal, bha e nàdarra gu leòr dhaibh a bhith creidsinu gu faodadh “aithne na bliadhna gu leir a bhith aig fear na h-aon oidhche. Bha teas is toradh gu leòr anns a’ Ghàidhealtachd an uiridh, ach cha’n urrainn duinn so a ràdh am bliadhna. Ach gabhamaid beachd beagan ni’ s dlùithe air na briathran so. Tha, agus bha, agus bithidh a’ ghaoth a’ tuath fuar. Tha ’n sean-fhacal ag ràdh.— “Ged thigeadh a’ gaoth a’ tuath ’san Iuchar Bidh am fuachd ’na fochar.” Mar is trice is ann leis a’ ghaoith a’ tuath a thig na sneachdannan is truime ’s is buaine a chithear anns a’ Ghaidhealtachd fad na bliadhna. Is iomadh uair a thig pailteas sneachda o’n deas, [TD 251] [Vol. 2. No. 33. p. 3] ach cha mhair e ùine sam bith, Tha ’n sean-fhaeal ag radh:— “Cha tig uisge mòr o’n tuath, ’S cha tig sneachda buan o ’n deas.” Tha sean-fhacal eile ann a tha ’g ràdh:—“Aiteamh na gaoith a’ tuath t-sneachda—tuilleadh a chur ’na air an cheann.” Chi sinn uaith so ma bhios a’ ghaoth o’n tuath ro thric fad a’ gheamhraidh ’s an earraich gu ’m bi mòran sneachda, agus reothaidh, agus fuachd ann. A’ bhliadhna ’bhios so mar so faodar a bhith cinnteach gu ’m bi am fodar gann; agus air an aobhar sin, bidh crodh is eich is caoraich a’ faotainn a’ bhàis leis a’ chaoile mu ’n tig a’ Bhealltuinu. Tha ’ghaoth a’ deas an còmhnuidh blàth. Eadhon an teis meadhon fuachd a’ gheamhraidh agus an earraich tha a’ ghaoth a’ deas mòran ni’s blàithe na gaoth sam bith eile. An àm an fhàis tha ’ghaoth a’ deas ro thlusar agus ro chaomhail ris na lusan maotha ’n uair a tha iad a’ gobachadh troimh ’n talamh. Agus o’n a tha toradh na bliadhna ann an tomhas mòr gu bhith a reir ceud fhàs a’ bharra, tha e so fheumail gu ’m biodh gaoth bhog, bhlàth o ’n deas ann an àm an fhàis. Mar is trice is ann o’n deas a thig na h-uisgeachan a thaisicheas an talamh an uair a tha e air ghlasadh suas gu teann cruaidh le reothadh is fuachd a’ gheamhraidh. Aig àm na curachd is miann leis gach neach a chuireas pòr sam bith ’s an talamh gu ’n tig frasan de ’n uisge a chum gu ’n taisichear am fonn agus an siol a chuir iad ann. Mar a tha fios againn, ged nach ’eil a’ ghaoth a’ deas fuar tha i fionnar. Tha fionnarachd a’ toirt meirt agus cuideachaidh araon do ’n ainmhidh agus do ’n lus an uair a tha ’n teas tuilleadh is mòr. Mar an ceudna, is ann an uair a bhios a’ ghrian an cridhe na h-àird a’ deas is mò teas an latha, Mar so tha blàths is taiseachd is fionnarachd a’ tighinn o’n deas. Cha ’n ’eil e na ioghnadh sam bith gu robh an sluagh a bha ’nan còmhnuidh ann an cearn fuar de ’n rìoghachd ag amharc ris an àird a’ deas air son bìdh agus blàiths—da ni as aonais nach b’ urrainn daibh a bhith aon chuid toilichte no comhfhurtail. Bha iad a reir choltais a’ creidsinn gu robh gach ni ceart ri tighinn o’n deas agus gach ni cearr ri tighinn o ’n tuath! ’Nan sealladh bha deiseal is tuaitheal coionnan ri ceart is ceàrr. B’ e ’n car deiseal an car ceart, agus b’ e ’n car tuaitheal an car ceàrr. Mar is trice theirear gus an latha ’n diugh a’ “chearrag” ris an làimh chlì—an lamh a bhios ris an tuath an uair a sheasas duine agus ’aghaidh ris an àird an ear. Tha ’n da fhacal so, “cearr” agus “cli.” a’ ciallachadh an aon ni an so. Ged nach tig a’ bheag de shneachda o ’n aird an ear, tha ’ghaoth an car gle ghreannach fuar aig gach am. Tha ghaoth ni ’s trice o ’n car anns an earrach na tha i aig àm sam bith eile de ’n bhliadhna. So an t-àm anns am bi na craobhan a’ cur a mach an duillich, agus mar a tha fhios aig a h-uile gàradair, seargaidh a’ ghaoth an car an duilleach og, maoth’ ni ’s luaithe agus ni ’s mò na gaoth sam bith eile. An uair a theid a’ cheud duilleach air ais le seargadh na gaoith an car, ged a dh’ fhaodas cuid mhath de mheas cinntinn air na craobhan ’s air na preasan, cha bhi am meas mar is trice ach meanbh. Is ann air a shon so a thuirt an seann duine, “Ma ’s gaoth an ear a dh’ fhàg a’ challaig, meas air crannanh.” Is minic a chuala mi daoine ag ràdh an uair a bhiodh seachduin no deich latha de shìde tioram, fuar ann le gaoith an ear, gu robh i anabarrach crainntigh. Tha ’chrann-lach agus an lach-riabhach cho coltach ri’ cheile ann an cumadh ’s an dath ri da cun a b’ urrainn duinn ’fhaicinn, ach o ’n a tha chrann-lach beag; meanbh, thugadh a’ chrann-lach mar ainm oirre. Ma tha aon a dh’ ainmhidhean an achaidh beag, meanbh, meata, theirear gu bheil e crainntidh. Tha “meas air crannadh” a’ ciallachadh, “meas seargta,” (shrivelled fruit.) Tha e coltach nach cuir a’ ghaoth a’ tuath na measan air an ais mar a ni ’ghaoth an ear, ged a bhiodh i ’s eideadh gu math tric fad a’ gheamhraidh ’s an earraich. Dh’ innseadh dhomh gur ann a bhios a’ chraobh mheas ni’s toraiche na b’ àbhaist dhi a’ bhliadhna a bhios an geamhradh fuar, reòta, do bhrìgh nach leig am fuachd ’s an reothadh leatha a duilleach a chur a mach ro thrath air a’ bhliadhna. (Ri leantuinn.) Leighseadh Minard’s Liniment Breac. Chaidh eaglais mhòr a b’ fhiach fichead mile dollar a losgadh gu làr ann am baile Chuebec oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 252] [Vol. 2. No. 33. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna,- - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 10, 1894. Tha Mr. Gladstone an deigh leigeil dheth a bhi na Phriomh Mhinisteir. Bha’n aois agus an obair a laidhe gu trom air, bha a fhradharc ’sa chaistinneachd ’g a fhàgail, agus air an aobhar sin b’ fheudar dha toirt suas. Rinn Gladstone obair mhòr do’n rioghachd ’na latha ’s ’na ghinealach fhéin, agus tha e fàgail obair mhor aca-san a tha ’na dhéigh. Ghabh e mòran os làimh air a bhiadhna s’a chaidh, agus cha robh e comasach air a chuid bu mhò a thoirt crìch; cha’n e mhàin sin ach bheir e ’n leòr dhaibhsan air an tuit fhaluinn a toirt gu crìch. Gheall e féin riaghladh do dh’ Eiriun, agus rinn e dhichioll air a thoirt dhaibh ach dh’ fharitlich air. Chuir e roimhe mar an ceudna moran nithean eile dheanamh nach d’ fhuair e cothorn air a dheanamh. Tha iad so uile air am fàgail aca-san a lionas àite agus ’si a cheist am beil iad deònach no comarach air an deanamh. Tha Morair Rosebury a nis na Phriomh Mhinisteir, duine tha cheana déigh a thapachd ’sa ghleustachd a chur an céill. Tha e mar an ceudna na dhuin’ òg an tréine ’neart agus bu choltach dha a bhi na dheagh fhear-stiùiridh. Tha pàrlamaid New Brunswick ri bhi cruinn air a chòigeamh latha deug dhe’n Mhàrt, agus pàrlamaid Eilean a’ Phriunnsa air a chòigeamh latha fichead. Ann an cuid de na Stàitean cha’n eil na pàrlamaidean cruinn ach uair ’san dà bhliadhna, agus tha gu leòr ’san dùthaich so a tighinn gu bhi dhe’n bharail gu’m faodadh na pàrlamaidean beaga tha aig mor-roimnean Chanada an gnothuichean a chumail air adhart a cheart cho math ged nach biodh iad cruinn an ceann a h-nile blianhna. Tha fios a dh’ aon rud nach biodh iad cho cosgail sa tha iad aig an am so. Cha’n eil an obain a tha aca ri dheanamh cho mor no cho trom ’s fhaodadh iad an gnothuch a dheanamh le suidhe gach darna bliadhna. NAIDHEACHDAN. Na dean dearmad air do dhollar a chur gu MAC-TALLA air an t-seachdain so. Tha e gle fheumach air agus bidh e fada, fada na d’ chomain. Tha Wheary, am balbhan a mhort bean a bhràthar ann an Fredericton, N. B., ’s a bha air a dhiteadh gu bàs, air a shaoradh òn chroich. Tha e ri bhi ’san tigh-oibreach ri ’bheò. Tha prìs a chruithneachd air tuiteam gu mòr ann am Breatuinn. Tha e nise na’s ìsle na bha e riamh roimhe, ’s cha’n eil a choltas air gu’n àrdaich a phrìs a dh’ ath-ghearr. Thoir comhairl’ air do nàbuidh, a bhios a’ gabhail iasad dhe’n MHAC-TALLA uat a h-uile uair a thig e agus feuch ri toirt air cur ’ga iarraidh dha fhéin. Tha e cheart cho comasach air dollar a phàigheadh riutsa. Tha bruidhean aig muinntir Shidni an dràsd air drochaid a thogail thairis air Muggah’s Creek gus am baile a cheangal ris an International Pier. Ma chuirear an drochaid so suas ni i feum mor do’n bhaile, oir cumaidh i mòran malairt ann a dh’ fhaodadh a dhol taobh eile as a h-aonais. Bha fuachd mòr aca ann an Newfoundland air an t-seachdain s’a chaidh. Tha sneachda anabarrach trom air tuiteam air a gheamhradh so. Bha ’n carbad-iaruinn ann an aon àite a feuchainn ri dhol astar cheithir fichead mile ’sa deich, ach bha’n sneachda cho mòr ’s nach robh e ’n ceann da latha dheug ach beagan us leathach an rathaid. Tha fir nan each luatha a’ gabhal cothrom na deighe agus a fiadhachadh gach chéile gu réisean. Bha réis air a cur a aig Sidni-a-Tuath Di-màirt s’a chaidh eadar fear Mac-Coinnich as an Eilean Mhòr agus Gus Ball a mhuinntir a bhaile so. Choisinn each ’Ic Coinnich an latha sin, ach tha sinn a tuigsinn gu bheil rompa réis eile chur air an t-seachdain s’a tighinn, ma bhios an deigh freagarrach, rud nach bi ma leanas an t-sìda cho blàth sa bha i air an t-seachdain so. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. [TD 253] [Vol. 2. No. 33. p. 5] COMHRADH. AM MAIGHTIR-SGOILE AGUS CALUM POSTA. (Atr a leantuinn.) CAL.—Nach iongatach leam sibhse, duine tuigseach! c’ àit am faigh iad an sgillin? C’ àit am faigh Miss Christina Mac O’ Shenag an sgillinn, té nach do shìn a làmh riamh ri ladar nam bochd o’n a rugadh i, ’s nach ’eil a’ faotainn air son a ciridh ’s a cladaidh ach rùsg clòimhe, no sliasaid bhragsaidh? Tha mise ’g radh riut nach ’eil de dh-airgiod odhar ’s an duthaich na dhioladh fios-freagairt do na tha ’n sin. Faodaidh na foirfich ùra ladair nam bochd a chur air na sparran taobh carbad nam marbh. abradh am ministeir mar thogras e “Cuimhnichibh na bochdan,” no mar thubhairt am ministeir òg a leugh dhuinn an t-searmoin thioram, chutach a sheachdain o’n Dòmhnach so’ chaidh, “Cuimhnichibh na buic;” ach coma, cuimhnichidh iad na litrichean. Ar leam gur léir dhomh Eoghan figheadair ’s an sgillinn ruadh ’n a ghlaic, ’n uair tha ’m foirfeach mor a’ cur nunn an ladair; tha Eoghan a’ toirt sreothairt àird agus a’ cromadh a chinn mar le nàir gus an teid an ladar seachad; am ministeir ag ràdh “Cuimhnichibh na bochdan,” ach guth beag eile ’g radh, “Cuimhnich litir Ailein s’ na delaich ris an sgillinn.” EOGH.—Ma ta, Chaluim, ’s mi nach deanadh e; an àite sin ’s ann a bheir mi barrachd ’s a thug mi riamh. Bu neo-shuairce mi-thaingeil mi mur tugadh. Cha robh mo bhonn-a-se riamh air deireadh ’s tha dòchus agam nach bi; ’s beag tha fhios cia luath ’s a bhios mi ’n a eisimeil. M. SG.—Togamaid d’ ar seanachas faoin; ach fheara, o’n tha na litrichean a nis air an seorsachadh, nach mor an t-sochair so da-rireadh? Comas aig daoine bochd’ eadar da cheann na rioghachd air seanachas a dheanamh ri an càirdean, agus eòlas a chumail orra; daoine bochda ’s eiginn dealachadh r’ an cloinn a dheòin no dh’ aindeoin, ’s an cur gu Galldachd gu cosnadh, gu ’m faod iad iomradh fhaotainn orra uair ’s a’ mhios fad na bliadhna air son fiach an leth-bhodaich ghrainde; agus cluinn mi, Chaluim, thor thusa leat gu ’m faod gillean bochda, no caileagan blath-chridheach ’tha aig cosnadh a nis, leth-chrùn no crùn, no ’bheag no ’mhor mar a thogras iad a chur dhachaidh a dh-ionnsuidh an cairdean le dol do ’n Phost Office a’s dlùithe dhoibh agus leis an airgiod a thoirt a stigh an sin, gheibh iad litir-chreideis a dh-ionnsuidh Post Office an àite ’s am bheil an càirdean a chòmhnuidh, agus diolar dhoibh e cho poncail, fhirinneach, ’s ged thigeadh iad fhéin a h-uile ceum air bonnaidh an cas leis dhachaidh; agus cuimhnich so, cha ’n urrainnear a ghoid no ’thoirt as an litir; cha dean an litir-chreideis maith do neach ach dha-san d’ am buin i, Faodaidh mac Eoghain da sgillinn-deug Shasunnach, no pound Sasunnach, beag mor mar a thogras e ’chur dhachaidh a Sasunn g’ a ionnsuidh gun chunnart a chall no dol am mearachd; agus so le fior bheagan a phàigheadh air son an saoithreach. Cuiridh se sgillean mar so dhachaidh da phunnd Shasunnach. CAL.—Cha ’n fhaod mi radh nach ’eil seorsa de thuigse ’s a’ chuis sin; cha robh fhios agam air a sin; ach coma, cha ’n fhaic mi fhein ciod am moran rath ’tha ’n lorg an airgid a tha na gillean gaolach ’s na caileagan laghach a’ cur dhachaidh; cha ’n iad na daoine bochda ’bu mhiann leo-san fhaotainn a tha ’g a shealbhachadh, ach coma co dhiubh, cha ’n abair mi tuilleadh air an am. ’S fhad’ o’n a chuala mi, “Mar a leagas Murchan ithidh Mearchan.” M. SG.—Nach taitneach an ni ’bhi ’mothachadh mar tha ’n saoghal a’ dol air aghaidh le innleachdan ura, mar tha eòlas a’ craobh-sgaoileadh feadh an t-saoghail; rioghachdan a’ dluthachadh r’a chéile. ’S usa gu mor dol a nis do Lunnuinn na bha e ’n laithean m’ oige dol do Ghlaschu; agus air son Ghlaschu, nach ’eil e aig an dorus? Na carbadan iarauinn a’ siubhal deich-mile-fichead ’s an uair; litir o Lunnuinn an tri laithean; am paipear-naidheachd againn fliuch o’n chlo-bhualadh! Co ’nis a bhiodh a’ ruith gu bata-deathaich no soitheach-seolaidh le litir? co a dh’ earbadh litir ris a’ Cheannaiche mhor e fhein, no ri fear eile a chailleadh i air an rathad, ma dh’ fhaoidte, air neo a bheireadh dhachaidh ’n a phòc i; ’n uair a dh’ fhaodar air son aon sgillinn a cur leis a’ phosta, ’s e cho cinnteach gu ’n ruig i’n t-aite ’tha air a shonrachadh dh’ i ’s gu ’n ruig a’ ghrian ud shuas an cuan mor a tha cul Irt nan eun fionn, an nochd mu ’n caidil i. Mo bheannachd air an riaghailt ghasda, agus soirbheachadh dhoibh-san a smaointich oirre. Cha’n fhaod an Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 254] [Vol. 2. No. 33. p. 6] riaghailt so gun chinneachadh. CAL.—Cha ’n abair mi diog, ach chi sinn; air mo shon fhein cha leir dhomh am mor fheum a th’ anns a’ chabhaig so ’tha ’sgaoileadh thar an t-saoghail a nis, a h-uile h-aon agus a h-uile ni ’n a chabhaig: carbaid iaruinn a’ falbh leth-cheud mile ’s an uair; gu de dheth sin? Am bheil so ach a’ mealladh dhaoin’ o’n dachaidh. Nach fhaic thu daoin’ a b’ àbhaist a bhi glic, a nis mar gu ’m biadh teine-sionnachain air an earbaill: cha ’n fhan iad seachduin aig an tigh, ach air an ais ’s air an adhart; a mach an Dun-eideann an diugh, ’s an Lunnuinn am maireach; aiteachan nach fhaca na daoine coire bho ’n d’ thainig iad, riamh; agus nach ’eil a bhuil, a h-uile sgillinn a chruinnich iad aig an tigh ’g a chost air falbh. Am bheil ar tighearnan a nis na’s fialaidh, na’s iochdmhoire, na’s cairdeile? Cha ’n fhiach leo am mal fhein a thogail a nis, ach Baillidh mor ’s Baillidh beag, sgriebhadairean ’s luchd-lagha, maor coille, maor sratha, agus iad fhein, uachdarain na tire ’siubhal leth-cheud mile ’s an uair, troimh Shasunn no’n Fhraing. Ma thig so gu rath ’s iongantach leam-s’ e; agus innsibh so dhomh. Am bheil na tuathanaich na’s cothromaiche? mo chreach ’s mo léireadh, ’s ann agam a tha fhios nach ’eil. Am bheil ar fleasgaich na’s modhala, na’s foghaintiche, ar maighdeanan nà’s modhala, na’s malda, na’s beusaiche? Am bheil an co-thional a mach air an fhaiche sin shios air latha na Sabaid na’s tlachdmhoire na bha iad an linn d’ òige? Ach coma co dhiubh, ars’ thusa, tha Glaschu aig an dorus; thig litir a Lunnuinn an tri laithean; siubhlaidh daoin’ air rathaidean iaruinn na’s luaithe na ni gobhlan-gaoithe air iteig—’s mor a’ chulaidh-bhosd sin. Thig cnap feola dhachaidh a Giaschu ’n aite ’bhi marbhadh a’ mhairt reamhair; gheibhear slinnean tana caorach o’n bhuth an aite bhi ’feannadh nam mult mòra—nach mor an t-sochair sin? Coma leam an spiocaireachd thruagh! Tha ’n saoghal a’ dol air aghaidh! Tha mi cho sgith de ’n t-seanachas so ’s a bha ’n losgann de ’n chleith-chliate? Cha robh ’s na daoine bho ’n d’ thainig sinn ach na baothairean—ud, ud, cha robh! a chionn nach robh aca litrichean saora; ach bha fearrann saor aca, agus cairdeas saor, agus biadhtachd shaor; agus mur robh na paipeirean-naidheachd lionmhor bha paipeirean a bu luachmhoire lionmhor. Gheibhinn iasad choig puinnd Shasunnach air m’ fhocal, far an diugh nach fheòraichear. An tu so a Chaluim? Gabhaibh mo lethsgeul, ach sin agaibh-s’ an fhirinn—thug sibh fhein a mach i lion beagan a’s beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan; ach slàn leibh—cuirbh a’ mhaileid far nach ruig na radain oirre. Leighseadh mise o chuing, le MINARD’S LINIMENT. Bay of Islads. I. M. CAIMBEAL. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LININENT. Springhill, N. S. Um. DANIELS. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY. Chualas Michéal Carrol, Eirionnach a mhuinntir Buctouche, N. B., an latha roimhe ag radh. “A dhuine, ’s ann againn ’tha ’n geamhradh! Tha mi air fàs seachd sgìth a bristeadh nan ròidean. ’S ann tha mi toirt a chreidsinn orm fhein gu bheil mi a’ fàs sean. Ach cha bhi mi air an earrach so ’tighinn ach ceithir fichead bhiadhna ’sa h-ochd deug.” Leighsidh Minard’s Liniment ghoirt. Theabas Aonghas Dòmhunllach, aon de na fir-Phàrlamaid a tha againn an Halifax a bhàthadh eadar so us Sidni-a-Tuath oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha e tighinn dhachaidh o’n Mhèinn-a-Tuath air an deigh; chaidh an t-each bhar an rathaid agus bhrist an deigh fodha. Mur biodh gu’n d’ rainig cuideachadh gu math ealamh, bha e air a bhàthadh. Tha sinn toilicht bhi faicinn an Domhnullaich air chomas dol mu’n cuairt a rithist ’s nach d’ thug e tinneas sam bith as an fhliuchadh a fhuair e Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. K. D. C Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubaichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 255] [Vol. 2. No. 33. p. 7] Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. V.—Air a leantuinn. Ghlac na maraichean e agus thubhairt iad, “Ciod a nithear ri nàmhaid ar Tighearna?” Dh’fhreagair Timoteus “Bitheadh e mallaichte.” An sin thainig Peadar agus Tòmas, agus dh’amhairc iad gu geur an t-Seann Duine. Shéid agus spùt esan. Ghlaodh Peadar, “Fhuair mi thu, O mo nàmhaid; co thusa ach an t-seann nathair o Fhéin-Earbsa?” “The thu am mearachd.” arsa ’n Seann Duine, agns thoinn agus lùb e agus spùt e mach teine. Chriothnaich Peadar agus a chuid eile ’na làthair; air dhasan neart a ghabhail sgròbaich e mach air a chliathaich, agus chaidh e fodha le sheid anns na tuinn. Dh’amhairc iad ’na dhéigh ach cha robh ni ri fhaicinn ach cobhar. Rinn na h-uile gairdeachas mar gu’m biodh a phlàigh a ghluaiseas an dorchadas, no an sgrios a mhilleas mu mheadhon-là, air an toirt air falbh. Chaidh na maraichean le aon chridhe agus aon ìnntinn dh’ionnsaidh Chriosduidh ag radh, “Pheacaich sinn an aghaidh Fhlaitheanais agus ad làthair-sa. Dh’ irislich siad iad féin fa ’chomhair, agus thubhairt iad, Guidh air Dia, ma dh’ fhaodar, gu maithear smuain ar cridheachan.” Air do Chriosduidh am faicinn umhail, thubhairt e, “Cha d’ rinn sibh olc air bith orm-sa; pheacaich sibh ann a bhi ’g àicheadh an Tighearna a cheannaich sibh agus a ghràdhaich sibh le gràdh siorruidh.” Rannsaich iad an cridheachan, dh’iarr iad a bhi air an slànuchadh o’n cùl-shleamhnachadh, agus dh’oidhirpich iad chum nach di-chuimhnicheadh iad na briathran, “Biodh gach anam umhail do na h-àrd chumhachdaibh, oir cha’n eil cumhachd ann ach o Dhia, agus na cumhachdan a ta ann, is ann le Dia a dh’òrduicheadh iad. Air an aobhar sin, ge b’e air bith a chuireas an aghaidh a chumhachd, tha e ’cur an aghaidh òrdugh Dhé; agus iad-san a chuireas na aghaidh gheibh iad breitheanas dhaibh féin.” Bha iad air an ath-nuadhachadh ann an spiorad an inntinn agus comasach air a radh, Chunnaic sinne agus tha sinn a’ toirt fianuis gu’n do chuir an t-Athair a Mhac gu bhi ’na shlànuighear do ’n t-saoghal. Mar so cha’n e mhain gu ’n d’fhàilnich an Seann Duine ’na rùn, ach mar an ceudna bha na maraichean air an daighneachadh anns a chreideamh. Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 256] [Vol. 2. No. 33. p. 8] CUMHA Do Niall Mac-Ill-Leathain. Gille og, cliùiteach a mhuinntir Straithlathurne ann a Siorramachd Inbhir-nis an Ceap Breatuinn, a chaochail o chionn beagan bhliadhnaichan. Bha e na dhuine eireachdail ann an coltas, siobhalt ann an gniomh, agus ro-thaitneach anns gach dòigh. Chuir a bhàs mulad mor air gach aon do b’ aithne e, gu sònraichte le bhi air aobharachadh le sgiorradh. A chas a bhristeadh le tuiteam a carbad-siubhail, anns a robh e féin agus companach a gabhail turuis air feasgar, bòidheach samhruidh. Thug am post ugainn sgeul Nach robh taitneach leam féin ’bhi fior; ’S iomad fear agus té ’Bheir e osann nach réidh fo ’n cliabh;— Gur i ’n diubhail a ’s geur Air Strathlathurn a dh’éirich riamh Bàs an oganaich threun, ’Bha ro-thaitneach am beus ’s an gniomh. ’Neill Dhònnachaidh ’C Ian-bhàin, Bu tu ’n t-òganach àluinn grinn,— ’S iomad cridhe ’bhios cràit Cho ro-thrathail sa dh’ fhàg thu sinn; Bidh gach sean agus òg ’Thuair eòlas do chòmhraidh bhinn Fo throm mhulad ’s fo bhròn Gun deach thusa ’s an chòmhdach lin. Fhir a chridhe bha blàth, Fhir bu choimhneile mànran beòil, Fhir bha misneacheil àrd ’S a bha measail air gràdh ’us ceòl, Fhir ’thug t-inntinn a ghnà Do gach grinneas a b’ àluinn seòl, ’S e do phasgadh ’s na clàir Chuir fo mulad na dh’ fhàg thu beò. Tha do chàirdein gu léir Fo throm mhulad ad dhéigh ’s fo sprochd: Iad a meòrachadh géir Air do ghniomharan treun gun lochd;— Ged a thilleas gach treud Air an ceumanan fhéin an nochd, Cha d’thug ulaidh nan ceud ’Tha na laidhe leis-féin sa chnoc! Bu mhor maise do ’n àit Fear do choltais ’bhi tàrmunn ann; Bu chliù cinneadh gu bràth Fear do shuairceis ’bhi ’n clàr an dream;— Ged bha Leathainaich àrd Ann am Mula nan sàr ’s nan beann, Cha d’ thug Eachunn do ’n bhlàr Fear a b’fhearr no thu thairneadh lann. Bha thu ’d dhuine gu d’ chùl, Bha thu ’d shaighdear ’s gach cùis gun fhiamh, S on a b’ aithne dhomh thu, Cha robh mearachd no lùb na d’ ghmiomh; ’N am coinnachaidh ’san bhùth, ’N tric a dh’ òl sin le sunnd am fion, ’S beag a shaoilinn gur tu Bhiodh cho og ann san ùir a crion. Gur i smaointinn gun bhuaidh Thug air thuras thu suas an Gleann: Air do thilleadh a nuas, Thuair thu ciorram ’s be ’n truaighe bh’ ann! Ged bu smiorail gach uair Agus eallamh thu ’n crudal teann, Chaill thu ’n cothrom bu dual, ’S chuir sin acaid ro-bhuan ad fheoil. Chuir sin acaid ad chom A thog fiabhras ro-throm na dhéigh, Cha robh dotair san fhonn Na fear skill ann air bonn gu d’ léigh; Dhag sin muladach, trom Iomad caraide ’bha sealltuin geur Gun robh ’n uine teachd teann Ann sa ruigeadh tu ceann do reis. Ged is duinte tha ’m beul Bhiodh a labhairt le rian gach la; Ged tha ’n t’ sùil sin gun leus San robh sealladh ’bha ciatach blàth; Ged tha ’n cridhe bha fial Ann san duslaich gu dian a cnamh, ’Sann an cuimhne nan ceud Bhios gach caoimhneas ’bha ’Niall a tamh. Ged a leanain gach la Air do chliù ’chuir an Gaidhlig sios, Gheibhinn moran ri rath Mu do shubhailcean ard bha m’ riar;— Bheir sin dochas le àdh Do gach neach a chuir failt ort riamh, Gun bheil t-anam aig tamh Ann an rioghachd nan gràs gu sior. C. MAC I. Abhuinn Mhargaree. POSAIDHEAN. An Cow Bay, Feb. 22ra, leis an Urr. Uilleam Grannd, Ailain Domhunllach us Anna Smith. Air a Bheinn Bhreagh, Baddack, Feb. 8mh, leis an Urr. D. Dùghallach, Aonghas Moireastan, Munroe’s Point us Sadie I. Nie Dhiarmaid. Aig Pictou, Feb. 22ra leis an Urr. A. Bowman Domhunll Caimbeul Strath-Lathaim, us Catriona Mhoireostan, Port Hastings. Aig Sidni, Feb. 27mh, leis an Urr. E. B. Mac Raing, Alasdair A Mac Aonghais, Rat Portage, us Ceit B. Nic Coinnich, Sidni. Aig an Acarsaid Thuath, Feb. 21mh, lies an Urr. Calum MacLeoid, Alasdair Mac Fhionghain, us Ealasaid Fhriseal, Pollets Cove. BAIS. Aig Mineral Rock, Mira, an treas latha dhe’n Mhàrt chaochail Catriona, bantrach Dhòmhuill ’Ic Odrum, ceud bliadhna ’sa sia a dh’ aois. Gu la a bàis bha a buadhan nàdurra aice air fad, agus chriochnaich i a bheatha so a cur a h-uile dhòchas ann an Dia a Slànuighear. Aig a Bhras d’Or Mhòr, Feb. 20, Alasdair, mac do Chalum Mac Leoid, naoidh bliadhna dh’aois. Aig River Inhabitants, Ian. 25mh, Catriona, bean Aonghais Ic Eachairn, tri fichead bliadhna so naoidh a dh’ aois.—R. I. P. Aig Middle Cape, Feb. 15mh, Micheal Caimbeul, da fhichead bliadhna sa seachd a dh’aois. Aig Catalone, Feb. 1d, Mairi Dhomhnullach, bean Chaiptein Alasdair Dhomhnullaich, tri fichead sa sia deug a dh’aois. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s saoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de bhrògan o chionn ghoirid agus tha e gan creic cho saor ’sa ghachas deanamh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 257] [Vol. 2. No. 34. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 17, 1894. No. 34. MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. Is ni mi-nàdura gum bitheadh duine air a bhreth ann an dùthaich agus gum bitheadh e coma co dhiu a chitheadh e gu bràth i no nach faiceadh. Thug an gradh dùthachail sin ormsa cead iarraidh air mo chothional agus air a chléir da’m buin an cothional, a chum tir man sonn fhaicinn. Thog mi rithe an toiseach a cheud mhios an t-samhraidh agus sheòl mi air bàta mòr na smuid a bhuinneas do Chlann Allein agus da’n ainm “Sardinian.” Dh’ fhàg sinn baile mòr Mhontreal air feasgar Disathuirne an seathabh latha agus bhà sinn air maduinn na Sàbaid ann an Cuibeig. ’Sann an sin a bhà an ùpraid a’ cur bathair agus guail air bòrd. Chaidh tri osaim mhòr iaruinn a chur air dòigh agus thòisich na Frangaich air taomadh annta a ghuail. Shaoileadh neach leis an stàirneich agus gadail nam Frangach nach ann àn tir chriosdail idir a bhà e. Faodaidh tu ’bhi cinnteach gun robh mi taingeil ’nuair a dh’ fhuasgladh na càblaichean agus a chabhagaich na grealagan iaruinn sinn air falbh a bhaile Chuibeig. Thug sinn aon là deug air an rathad gu baile Libherpul. Bhà sinne sgith do’n “Sardinian,” agus shaoiloadh tu gun robh ise sgith dhe’n chuan. Chaidh ar cur air tir ànn an Libherpul gun mhodh sam bith a nochdadh dhuinn. Bhà é suas ri aon uair deug ’san oidhche ’nuair a fhuair sinn cuidhteas an tigh cìse. Feumaidh gun robh cuid de’n luchd turais a dh’ fhuiling an shocair, oir bha cuid dhiu aig nach robh sgilinn airgid a phàigheadh cuid oidhche ’san tigh-osda. Dh’ fhan sinn an oidhche sin ’an Libherpul, agus an latha na mhàrach ghabh sinn carbad na smuid gu Dunèideann. Air an dearbh la sin bha Ard-Sheanaidh na h-Eagais Shaoir agus Steidhichte ir am fosgladh, agus bha baile mor Dhunéideann air ghluasad le ministeirean dhe gach seorsa. Cha robh sraid rach robh làn dhiubh. Daoine mòr agus beag; daoine geal agus dubha agus odhar, Bha iad ann dhe gach seorsa agus, cha mhòr, dhe gach dath. ’Se a chuir smaointinn anabarrach orm cho neònach agus a bha mòran dhiubh nan còmhdach, le’n cuid chasagan fada dubha gu’n sàiltean agus le ’n peiteanan air a phutanachadh air an culthaobh mar a bhitheas aig pàisdean nach d’ thainig gu inbhe an aire a thoirt orra fein. Gu bhi a crùnadh a ghnothirch bhà sgiathagan do dh-adan dubha air an ceann a bha cho farsuinn agus gun deanadh iad an gnothach gu h-anabarach air son guitean rollag. Ach na faiceadh sibh an greadhnachas a bhà timchioll air Fear Ionaid na—Tighearna Bhraidalbuinn—mar a bha e na h-uile la a tighinn a dh’fhaicinn buill ard Sheanaidh na h-Eagluis Steidhichte. Bhà do shaighdearan agus do ghillean frithealaidh aigesan na dheanadh reiseamaid. Bhà é air a chur na shuidhe air cathair riomhach anns an talla chruinneachaidh os cionn Fear na Cathrach ni a thà ’taisbeanadh gu soilleir gur é a bhanrigh ceann na h-Eaglais Steidhichte fathasd agus gum feum gach riaghailt a nithear leis an eaglais sin a bhi co-shinnte ri gean math na Stàite. Cha robh an dà thalla anns an do chruinnich na h-Ard Sheanaidh ach urchair gunna o cheile agus rinn an t-asdar sin eadar-dhealachadh mòr eadar an dithis. Bhà mise agus tuiùir no ceathrar eile de’m sheorsa a null agus a nall eadar an dà thalla, agus bhà cothrom neath aguinn an t-eadar-dhealachadh fhaicinn. (Ri leantuinn.) Air a bhliadhna s’a chaidh, thaghail seachd mile fichead, coig ceud ’s da fhichead ’sa seachd de shoithichean ann am puirt Chanada. A Deanamh a Tri as na Dha. Tha e air aithris air duine araidh aig nach robh sgoil ’s am bith e fhein, gu ’n d’ chuir e mhac do ’u Chollaisd gu ard fhoghlum a thoirt da; agus air do ’n ghille tighinn dhachaidh aig am araidh, dh’ fhaoidhnich athair dheith agus iad a suidhe gu ’m biadh: “Cia mar a bha e faighinn air adhairt sa Chollaisd, no ’m b’ urrainn e dearbhadh ’s am bith a thoirt seachad air ard sgolaireachd, a thuigeadh daoine gu ’n fhoghlum coltach ris fhein agus ri mhathair?” (agus amharus air ’n t-seann duine nach robh ’n gille a toirt uiread aire do ’n sgoil ’s bu choir da.) Ars an gille ’s e sealtuinn mu’n cuairt da, ’s a faicinn da thunnaig ròsta air a bhòrd: “Nan dearbhainn dhuibh gu ’m bheil tri eoin ’n sin an àite na dha a tha sibhs’ a faicinn, nach biodh sibh riaraichte?” “Bhitheadh gu’n teagamh” ars athair. Chuir an gille an sin aon do na h-eoin an dara taobh; “sin agad aon,” ais esan. “Ceart” ars athair, chuir e ’n sin na dha maille ri chéile rithisd: “Tha dha ’n sin,” (ars esan) agus nach e aon agus a dha a tri: “Se gu ’n teagamh ars athair, ’s math a fhuaras thu. Goirid an deigh sin thoisich a mhàthair na h-aoin a roinn. Chaisg athair i ag radh: “Cha leig thusa leas a bhean chòir na h-eoin a roinn, agus gu’n againn ach triuir; rinn sgolaireachd do mhic na h-uiread sin a dh’ fheum dhuit mar tha; bheir mise leam am fear so (agus a toirt leis ’n dara fear,) agus bioth ’m fear beag sin agad fhéin, agus fagamid an tritheamh fear aigesan slàn air son a sgolaireachd. Cha dh’ fheuch an gille ’n doigh cùnntaidh so a riamh na dheigh timchioil air a bhord. An àite do mhuinntis Chanada bhith fàs trom air an tì, ’s ann tha iad a fàs aotrom oirre. Dh’ òl sinn air a bhliadhna so ’dh’ fhalbh mu choig muillein punnd na bu lugha na dh’ òl sinn a bhliadhna roimhe sin. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. [TD 258] [Vol. 2. No. 34. p. 2] MAIRNEALACHD, Agus Rud no Dha Eile. LE IAIN. CHA ’n ’e mhain gu searg a’ ghaoth an ear na craobhan agus na preasan, ach seargaidh i mar an ceudna an t-arbhar. “Agus do’ fhàs suas ’nan déigh seachd diasan caola, agus air seargadh leis a’ ghaoith an ear.” Tha gach neach a tha suas ri iasgach a’ gabhail beachd air gu bheil an t-iasg ni’s dlùithe do ’n chladach an uair a tha ’ghaoth o’n ìar na tha e ri gaoith sam bith eile. Tha so gu sònraichte fìor a thaobh nan Eileanan an Iar. Mur’ eil mo chuimhne ’gam mhealladh dh’innseadh dhomh gu faighear an t-iasg ni ’s pailte ris a’ ghaoith an iar, eadhon air taobh an ear na h-Alba na gheibhear e ri gaoith sam bith eile. Tha fhios agam air so, gu ’n gabh an t-iasg am biathadh ris a’ ghaoith an iar ’s an iar-dheas anabarrach math. Tha fhios aig na fir a theid a mach gu druim a’ chuain an iar le ’n cuid bhàtaichean a dh’ iasgach nan langann ’s nan trosg nach ’eil gaoth iasgaich ann a’s fhearr na gaoth an iar no ’n iar-dheas, agus nach ’eil gaoth-iasgaich ann a’s mìosa na gaoth an ear. Tha a’ cheart ni fìor a thaobh nan lochan ’s nan aimhnicheau. Thug mi fa near mar tha gu ’n can iad ann an Uidhist, “iasg is aran,” no, “iasg is bainne,” Tha mi a’ creidsinn gu robh aobhar sònruichte ann air son gu ’n do ghnàthaich muinntir dha Uidhist agus Bhein-a-faoghla na briathran so. Is ann air taobh an iar nan eileanan so a bha an àireamh bu mhò de ’n t-sluagh a’ gabhail comhnuidh ’s na linntean a dh’ fhalbh. ’San àm ud gu h-àraidh, b’ ann as na machraichea a bha iad a’ toirt an teachd-an-tìr. Bhiodh iad an uair ud, mar a tha iad gus an latha ’n diugh, a’ leasachadh nam machraichean le feamainn, a chionn nach deanadh leasachadh sam bith eile feum cho math rithe. Is i a’ ghaoth an iar a chuireas an fheamainn gu cladach. A bhliadhna a bhiodh a’ ghaoth an iar a’ séideadh gu tric agus gu làidir rè a’ gheamhraidh, bhiodh pailteas feamann air na cladaichean, agus bhiodh an talamh air a dheadh leasachadh leis an fheamainn mu ’n tigeadh àm na curachd. Nan tachradh aimser fhàbharrach a bhith ann rè an t-samhraidh ’s an fhoghair bhiodh pailteas barra air na machraichean. An uair a tha ’m bàrr pailt tha ’n t-aran pailt, agus faodar pailteas fodair is feòir a thoirt do’n chrodh. An crodh a gheibh pailteas de ’n bhiadh a shamhradh ’s do gheamhradh bidh pailteas bainne aca. Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “’S ann as a ceann a bhligheas a’ bhò.” Uaith so faodar a thuigsinn gu robh e ’na aobhar misnich agus toileachaidh do na seana daoine gu ’m biodh a’ ghaoth an iar a’ séideadh gu math tric. Anns an àm ud bhiodh daoine toilichte gu leòr nam biodh am pailteas aca de ’n aran, de’n iasg agus de ’n bhainne. Thig sinn a nis a dh’ ionnsuidh an Fhaoilich. O ’n nach ’eil mi cinnteach ciod is brìgh do ’n fhaeal “Faoileach” ’s fhearr leam leigeil leis mar a tha e na teannadh ri ’reubadh na stiallan as a chéile. Air aon ni tha fios agam, ’s e sin, gur e so an t-ainm a bh’ aig na seann daoine air a’ chòig latha deug mu dheireadh de ’n gheamhradh, agus air a’ cheud chòig latha deug de ’n earrach. Mar a theireadh iad fhein, “Coig latha deug roimh Fheill Brìde, ’s còig latha deug ’na dheigh.” B’ e am barail gur ann air Dihaoine a bha e’ tòiseachadh agus a’ sgur. “’S ann air Dihaoine thoisicheas e, agus air Dihaoine ’sguireas e.” Do bhrigh gur ann air Dihaoine a cheusach Criosd bha mòran ann a bha ’creidsinn gu ’m biodh an latha so mar bu trice ni bu mhiosa na latha sam bith eile de’n t-seachduin. Bha am Faoileach ri marsuinn fad mios, agus bha ’n Gearran ’san Sguabag ri tighinn ’na dheigh. Chuala mi anns an da dhòigh a leanas rann an Fhaoilich:— “Mios Faoilich, Naoi latha gearrainn, Tri latha sguabaig, Suas an t-earrach.” Agus:— “Mios Faoilich, Naoi latha gearrainn, Seachduin caillich, Tri latha sguabaig, Suas an t-earrach.” Cha robh mi-thoileachadh sam bith air na seann daoine ris an Fhaoileach. O ’m fein-fhiosrachadh dh’ fhòghluim iad nach robh ni a b’ fhearr na gu ’n tigeadh an droch shide ’na h-àm fhèin. Aon uair ’s gu ’n tigeadh am Faoileach a steaeh b’ e am miann gu ’n cuireadh e e fhein an geill mar bu chòir dha. B’ ann a reir na seana chunntais a bha iad ag amharc air son na Féill Brìde. Cha robh guth no iomradh air a chunntais ùir ’s an àm ud idir anns a’ Ghàidhealtachd. Bu bheag orra side bhriagha, chiùin, bhlàth anns an Fhaoileach. Dearbhaidh an rann a leanas so:— “Faoileach, Faoileach, làmh an crios, Faoilte mhòr bu chòir bhith ris; Crodh is caoraich ruith le teas, Gul is caoidh bu chòir bhith ris.” Ach bu chòir gu ’m biodh beagan làithean de ’n fhaoileach ciùin briagha, blàth. Fheireadh iad:— “Tri laithoan de ’n Iuchar ’s Fhaoileach ’S tri laithean de ’n Fhaoileach ’s an Iuchar.” “Tha còir aig an Fhaoileach air tri làin a chur anns a’ chlais—a làn uisge, a làn sneachda, agus a làn de thuthadh nan taighean.” “Tha tairneinich anns an Faoileach cho mi-nadurra ri laogh a’ geumnaich am broinn a mhàthar.” Tha e furasda thuigsinn ciod e an t-side ’bu chòir a bhith anns an Fhaoileach—stoirm is uisge, sneachda ’s ciùine, an dràsta ’s a’ rithist. “Feath Faoilich,” ’s e sin feath nach maìr ach ùine ghoirid. Nam biodh reothadh ann b’ e “reothadh an lodain làin nach mair gus an treas trath.” A dh’ aon fhacal, bu chòir gu ’m biodh side anabarrach caochlaideach ann o a thoiseach gu ’dheireadh, mar gu ’m biodh na seachd siantanan a’ dian strì feuch co aca bu mhò a chuireadh iad fhéin an géill fad a’ mhìos. An deigh an Fhaoilich bha na naoi latha Gearrain. Bha na làithean so ri bhith anabarrach sgaiteach, fuar—cho fuar ’s nach seasadh ach an gearran fhéin ris. Bheireadh an Gearran am bàs air na creutairean laga a dh’ fhàgadh am Faoileach beò. Tuigidh sinn so o ’n rann a leanas:— Thuirt am Faoileach ris a’ Ghearran, “C’ àit an d’ fhàg thu ’n gamhainn bochd Chuir mi ’n t-seic’ aig’ air an fharradh ’S chuir mi ’n ceann aig’ air an t-sop.” (Ars’ an Gearran.) Mu dheireadh thall thigeadh a’ Sguabag—stoirm dhearg nach mòr nach sguabadh air falbh a h-uile ni a bhiodh air aghaidh na talmhainn. An sin thigeadh an t-earrach, agus cha tigeadh gus a sin. Tha e ’n ni anabarrach comharraichte gu bheil co-chordadh eadar na briathran a leanas agus na tha luchd fòghlum ’nar latha fhéin ag innseadh dhuinn mu ’n àm anns am bheil ceithir aimsirean na bliadhna ’tòiseachadh. So mar a thuirt na seann daoine:— Foghar gu Nollaig: Geamhradh gu Fhéill Padraig; Earrach gu Fhéill Peadair; Samhradh gu Fheill Micheil. [TD 259] [Vol. 2. No. 34. p. 3] Bhiodh toileachd mòr ri là Fheill Pàdraig—an seachdamh là deug de mhìos meadhonach an earraich.* So mar a theireadh na seann daoine:— “Là Fheill Padraig, Là mo chridhe ’s mo chleibh, Là dh’fhoghnadh a dhuine ’S a dh’ fhòghnadh duine dha.” Bhiodh a’ cheud chuid de ’n mhìos Mharst (àm a’ Ghearrain ’s na Sguabaig) anabarrach fiadhaich, fuar, nam biodh an aimsir nàdarra. B’ ann air a shon so a theireadh iad gu ’m bu chòir do ’n Mharst tighinn a steach mar leoghainn agus a dhol a mach mar uan; no mar a theireadh cuid eile, “ceann nathrach, agus earball feucaig.” Mur cuireadh an Sguabag agus an Gearran iad fhein geill mar bu chòir dhaibh, dh’ fhaoiteadh ’bhith cinnteach gu ’n tigeadh an droch shìde mu ’n teirgeadh an t-earrach. Nan tigeadh am Màrst a steach mar uan rachadh e mach mar leòghainn. B’ ann mu dheireadh a’ Mhàirst mar a thug mi fa near, a thòisicheadh an t-earrach; oir bhiodh an geamhradh ann gu Fheill Pàdraig. Bhiodh gach aon ag amharc air son sìde bhog, bhlàth; no mar a theireadh iad, “earrach ceòthar.” Tha e air aithris gu robh fear ann aon uair a thuirt nam faigheadh e sìde a reir a mhiann gu ’m biodh barr gu leòr air an fhearann aige co dhiu bhiodh Dia leis gus nach biodh. B’ e so an t-side a mhiannaich e:— “Samhradh breachd riabhach, Foghradh geal grianach Geamhradh reòta, ’S earrach ceòthar.” Nan b’ fhìor an sgeul bha làn a dhroma de bhàrr air an fhearann aig an duine so, ach cha robh biadh idir ann. Tha mòran gliocais anns an sgeul so mar a th’ ann an iomadh sgeul eile a th’ air an aithris mu nithean nach do thachair riamh. Mu ’n t-seana Bhealltuinn thigeadh làithean de shìde fuar, greannach, le frasan ’s le gaoith a’ tuath mar bu trice, ris an canadh iad, “Glaisean cumhach na Bealltuinn.” Ma a bha am Faoileach gu bhith fuar, fiadhaich o thoiseach gu deireadh, ach na tri làithean briagha de ’n Iuchar a bha còir air a bhith ann, bha ’n t-Iuchar gu bhith anabarrach blàth, bruthainneach, ach a mhàin na trì làithean de ’n Fhaoileach a bha còir air a bhith ann. Mar a thug mi fa * Anns an t-seana chunntais b’e Là Fheill Pàdraig an naoidheamh là fichead de ’n Mhàrst. near mar tha, bidh Tri làithean de ’n Iuchar ’s an Fhaoileach ’S tri làithean de ’n Fhaoileach ’s an Iuchar. Bha ’n t-Iuchar a’ tòiseachadh còig latha deug roimh Liùnasdal, agus a’ crìochnachadh còig latha deug an deigh Liùnasdail. Cha ’n ’eil cuimhne agam co dhiu bha gus nach robh aig an Iuchar ri tòiseachadh air latha àraidh dhe ’n t-seachduin mar a bh’ aig an Fhaoileach. Mu Fheill Micheil, an uair a tha ’n latha agus an oidhche ’s an aon fhad, tha làithean, no ma dh’ fhaoidte seachduinean, de shìde ro thuaireapa ri tighinn gach bliadhna ris an canar “Stoirmeannan an Fhoghair.” Mu Shamhuinn ’s e side chiùin a tha nàdarra. Ach bidh reothadh ann. Is ann air son so a theireadh na seann daoine, “Reòthanaich na Samhna” ris an t-sìde chiùin so. Mar an ceudna bha e nàdarra gu ’m biodh sneachda ann mu Nollaig. Mar a tha ann facal ag ràdh, “Is blianach Nollaig gun sneachda. So na th’ air chuimhne agam de na chuala mi o chionn iomadh bliadhna mu ’n t-sìde ris am faoidte dùil a bhith o àm gu àm de ’n bhliadhna. Ach tha fhios agam nach ’eil trian air chuimhne agam de na chuala mi; oir tha da bhliadhna thar fhichead o nach robh mi a bheag a dh’ ùine ann am Beinn-a-faoghla far an cuala mi ’n am òige na dh’ aithris mi roimhe so, agus na bheil mi nis a’ dol a dh’ aithris. (Ri leantuinn.) Chaochail Bain-tighearna Nic Fhionghain, bantrach Shir Uilleam ’Ic Fhionghain, ann an Lunnuinn air Di-sathuirne an 24mh latha dhe’n mhios ’sa chaidh. Bhrist air a slàinte ’nuair a chaochail Sir Uilleam, agus cha deachaidh i bheag am feobhas uaithe sin. Bu nighean i do Mhr. Iain Mac-Sheumais, am baile Ghlascho. Tha chàisg a tighinn an bhiadhna air a choigeamh là fichead dhe’n Mhàrt. Tha so na’s tràithe na thainig i o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, agus na’s tràithe na thig i fad àireamh bhliadhnaichenn ri tighinn. Ma’s fior an sean-fhacal a tha ’g ràdh gur e ’n t-earrach fad air chùl càisg a dh’ fhàsaicheas na saibhlean, bidh na saibhlean, gu math falamh mu’n tig an samhradh, oir tha caob mòr dhe’n earrach ri tighinn oirnn an deigh na càisge. Chaidh fear J. P. Fullerton, Halfway River, N. S., a mharbhadh an là roimhe le craobh a thuiteam air. Bha e ’g obair leis fhéin aig an am. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 260] [Vol. 2. No. 34. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 17, 1894. Thainig us dh’ fhalbh Diordaoin, latha taghaidh nam fear-pàrlamaid, agus cha’n fhada gus am bi daoine ma’n àite féin a rithist cho math ’s ged nach robh taghadh riamh ann. Tha Fielding air an stiùir fhathast, ach tha a luchd-leanmhuin na’s gainne na bha iad roimhe. Cha’n eil fhios cinnteach fhathast air an àireamh a tha leis ach tha iad air a chuid a’s lugha deichnear na’s làidire na iad-san a tha na ’aghaidh. Cha d’thug eilean Cheap Breatinn dha air fad ach a dha, Aig an taghadh roimhe so thug e dha seachdnar. ’So ainmean nan daoine tha gu bhi na’n luchd-ionaid againn ann am Pàrlamaid Nobha Scotia ré nan ceithir bliadhna tha ’tighinn, Siorramechd Cheap Breatuinn, an Dr. Mac Aidh agus Iain Mac Carmaic; ann a’ Uictoria, an Dr. Peutan agus Iain Moireastan; ann an Richmond, Iain Moireastan agus A. Le Blanc; ’s ann an Ionairnis, Alasdair Caimbeul us I. A. Mac Sheumair. Air tir-mor, ann an siorramachd Antigonish, C. F. Mac Isaic us C. P. Siosal; ann an Guysboro, D. H. Mac Fhionghain us I. H. Sinclair; agus ànn am Pictou, Uilleam Camaron, Alasdair Grannd us Tearlach E. Tanner. Tha cuid de na siorramachdan nach eil fhios againn cò tha stigh fhathast. Anns an àireamh so gheibh ar luchd-leughaidh a cheud earann de chunntas air turus do’n Ghàidhealtachd air a sgriobhadh leis an Urr. Ruairidh Mac Leòid, ministeir Dhunbheagain, an Canada Uachdarach. Cha’n eil teagamh againn nach bi an eachdraidh so fior-thatneach do àireamh mhor d’ar càirdean, gu h-àraid iad-san aig am beil ceangal sam bith ri Eaglaisean na h-Alba. Ach ged is ann dhaibh sin a’s taitniche bhitheas an eachdraidh gheibh na h-uile aon moran fiosrachaidh mu Thir mam Beann, agus tha fhios againn nach bi ni anns an eacharaidh a bheir aobhar oilbheum do neach sam bith. NAIDHEACHDAN. Tha glé fhaisg air ceud mile (100,000) Innseanach ann an Canada, agus dhiubh so tha còrr us coig mile fichead fhathast ’nam Pàganaich. Tha càraid gu math aosda a fuireach ann an Ritehey’s Cove, N. S. Tha esan ceud bliadhna ’sa dhà a dh’ aois agus cha’n eil ise ach da bhliadhna na’s òige na e. Agus tha iad le chéile slàn fallain. Tha dithis nigheanan òga air folbh a Dundee a dol a chur cuairt air an t-saoghal. Tha iad a mach o phaipear-naidheachd, agus ’se fàth an turuis tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu mhanthan dhùchannan céin. Chaidh duin’ òg, Iain E. Màrtin a mharbhadh ann am mèinn a Reserve, feasgar Di-sathairne s’a chaidh. Bha e aig ’obair shios ’sa mhèinn agus thuit tòrr guall air a mhuin ’ga mharbhadh air ball. Bha ’n t-àite roimhe so air a mheas sàbhailte gu leòr. Dh’-fhàg e bean us aon leanamh. Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal, a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873? Bha réis each air a cur aig a bhaile so Di-luain s’a chaidh. Bha ’n latha fliuch stoirmeil, ach a dh’aindeoin sin chruinnich sluagh mòr air an deigh a dh’ amharc nan each, agus cha do chuir cha mhor duine aghaidh air an tigh gus an robh ’n réis seachad. An déigh dha na h-eich ruith ceithir uairean, thugadh a cheud duais do Nellie Bly a Sidni, an darra duais do Pheabody a Sidni, agus an treas do Lilly Bashaw, a Port Hawkesbury. Bha each ’Is Coinnich agus each Bhall a ruith cuideachd ach chaidh am fàgail air deireadh. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. [TD 261] [Vol. 2. No. 34. p. 5] Gaidheil Charolina. Tha sinn an comain caraide do’n MHAC-TALLA a tha ann an Albany, N. Y. air son na litir a leanas mu Ghaidheil Charolina, a fhuair e o fhear-deasachaidh paipear naidheachd anns an stàit sin ris an canar an Red Springs Scotchman.— A Charaid:—Ann a bhi freagairt do litir a feòrach mu Ghàidheil Charolina, faodaidh mi ràdh gu ’n d’ thainig a cheud luchd-imirch as a Ghàidhealtachd gu Cross Creek (ris an canar a nis Fayetteville) anns a bhliadhna 1715. Cha’n urrainn mi an ainmean a thoirt dhuit, ach tha beul-aithris na dùthcha og ìnnseadh gu robh ’n t-ainm Mac Beth dhiubh. Tha e mar an ceudna air aithris gu’n d’ thinig àireamh mhòr an deigh na ceannairc ’sa bhliadhna 1215, agus bha àireamh mhath de Ghàidheil ’s de Ghoill Albannach an Carolina ’sa bhiadhna 1829. ’Sa bhliadhna 1832 chaidh Gabriel Johnstone a chur na Riagladair air Carolina agus fhad sa fha e ’san oifig thainig àireamh mhòr de luchd-imrich a stigh, agus moran eile ’n déigh Blàr chùl-fhodair ’sa bhliadhna 1746. Air a bhliadhna sin neo air an ath bhliadhna thainig Niall Mac Néill a mach a Jura agus còmhla ris coig eeud Gaidheal, agus thainig àireamh nach bu bheag an deigh sin. Thainig Fionghol Dhomhnullach, agus Ailein Domhnullach a bha posda rithe, ’sa bhliadhna 1775. Dh’ fhàg Fionghol America ’sa bhliadhna 1782, ach chumadh Ailein na phriosanach, ’s cha d’ fhuair e tilleadh do thir a dhùchais gus an ath bhliadhna. Thanaig a rithist moran Ghàidheal a mach ’sna bliadhnaichean 1804 us 1805. Uaithe sin cha d’ thainig ach àireamh bheag. Shuidhich a chuid bu mhò dhiubh-san a thainig a mach an déigh Blàr Chùl-fhodair aig Elizabethtown, far am beil mòran de’n sliochd gus an latha ’n diogh. Tha sliochd nan Albannach glé lionmhor ann an Siorramachdan Moore, Harnett, Cumberland, Bladen, Robeson agus Richmond. Tha mi creidsin gu bheil mu chòig mile deug voter ’nam measg. Tha Ghàilig fhathart air a labhairt le moran anns an stàit, ach ’s i mo bharail gu bheil an aireamh a dol na’s lugha. An searmon Gàilig mu dheireadh a chuala mise air a shearmonachadh b’ ann an eaglais Ghalatin an siorramachd Chumberland ’sa bhladhna 1860. Anns an t-siorramachd so (Robeson) tha na paipearan-naidheachd cha mhor uile air an cur a mach le shiochd Ghaidheal, agus is ann de shliochd nan Gàidheal a tha roinn mhor de na fir-lagha ’s de’n luchd-dreuchd eile. Tha aon bhaile, Maxton (Mac’stown) a bha air ainmeachadh mar sin do bhrigh an àireamh mhòr a bh’ ann aig an robh Mac roimh ’n ainm. Tha mi ’sgriobhadh so ann an cabhaig, ach theagamh gu’n téid agam air tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuit uair-eigin eile. Is mise &c. HAMILTON MHC-ILLE-MHAOIL. ’S e ’n diugh là Fhéill Pàdruig. Chi luchd-leughaidh a MHAC-TALLA ann an àit eile na tha aig ar caraid, an t-Urr. Iain Mac Ruairidh, ri ràdh mu bheachdan nan seana Ghàidheal a theobh an latha so. Thug muinntir Loch Ainslie o chionn ghoirid còta béin a b’ fhiach da fhichead dollar ’sa coig do’n Urr. Alasdair Grannd mar theisteas air an spéis dha, agus thug iad sporan airgid da ’bhean aig an am cheudna. Thug sinn iomradh roimhe so air Micheal Mac-s-Phi, a dh’ fhalbh a Sidni-a-Tuath gus an lagh fheuchainn air cuideachd ann am Boston aig an robh e ’g obair. Chaill e dhà dhe mheòriean anns an obain aca agus bha e deanamh a mach gum b’ tre ’m mi-chùram-san a chaill e iad. Thug na cùirtean dha ochd ceud fichead dollar. Tha aige ri naoi ceud dhe sin a thoirt d’an luchd-lagha, agus bidh aige fhein naoi ceud deug. Tha e air aithris gu bheil Mèinn a Bhlockhouse ann an Cow Bay ri bhi air a fosgladh as ùr an ùine ghoirid. Bha a mhèinn so duinte o chionn àireamh de bhliadhnaichean; bha tri fichead mile dollar ’sa deich de dh’ aimbhfhiach air a chuideachd leis ’m bu leis i agus b’ fheudar dhaibh a dùnadh suas. Ach tha na fiachan a nis air am pàigheadh, agus an uine gun bhi fada, ma’s fior an sgeul, bidh a mhèinn ag obair. Tha ’n gual a tha innte anabarrach math. Tha dùthchannan ceann a deas America mar a’s trice gle mhi-riaghailteach. Cha’n eil am dhe’n bhliadna nach bi aon no aon eile dhiubh a cur nan car dhith, a cur aon phàirtidh no aon duine a dreuchd ’sa cur pàirtidh no duine eile stigh ’na ’àite. Agus cha’n ann air doigh shiobhalta a mi iad sin idir ach le làmhachas làidir. Ach gu fortanach cha’n eil anns a chuid a’s mo dhiubh ach dùthchannan beaga, agus cha chuir iad mòr dhragh air dùthchannan eile ged bhiodh iad gun tàmh air an obair sin. Leighsidh Minard’s Liniment ghoirt. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 262] [Vol. 2. No. 34. p. 6] Padruig ’s an Dotair. Chaidh Eirionnach da’m b’ ainm Pàdruig a stigh a dh’ oifig dotair agus thuirt e, “Failte ort a dhotair; tha latha briagh’ ann; ’s tha mise gu bhi marbh leis an déideadh. ’De bhios tu ’g iarraidh air son an fhiacail a thorit asam?” “Bithidh leth-dolar,” ars an dotair. “’S gu de bhios tu ’g iarraidh air son da fhiacail a thoirt asam?” “O,” ars an dotair, “cha’m iarr mi dad ort air son an darra té a tharruinn.” Shuidh Pàdruig ’sa chaithir, dh’ fhosgail e bheul, ’s sheall e do’n dotaìr na fiaclan a bha ’cur dragh air. “So agad,” ais eran, a cheud té ’s sid agad an darra té, Ma ’s e do thoil e thoir asam an darra té an toiseach.” Rinn an dotair sin, thug e an darra te as, ach ’n uair bha e deanamh deiseil gus a cheud té a thoirt as, thug Pàdruig an dorus air ag radh, “Cha’n eil mi’n dùil, a dhotair, nach fhàg mi a cheud fhiacail far am beil i gus am fàs i goirt, agus thuirt thu rium nach biodh tu ’g iarraidh dad orm air son na té eile. Slàn leat; cha bhi mi fada guir taghal agad a rithist.” Ach be dùrachd an dotair, gu’m biodh latha ’s bliadhna mu’n taghladh e. As na h-Eileanan Coille. A Mhic-Talla ionmhiun, agus a dhearbh chairid nan Gàidheal, Is mor a bha mi ’gad ionndrain fad ceithir no còig do sheachduinean an uair a bha na stoirmnan sneachd agus na h-oicheanan fada againn. Bho ’n aireamh a chaidh a chlo-bhunladh air an 6bh la do Ianuari gus an 10bh la do Februari, no ceud mhios an earraich, cha d’ raimg guth bho Mhac-Talla mi, ni a bha cur iomgainn mhòr orm, ach a nis bho ’n tha e tòiseachadh air a chuairt àbhaisteach, tha e an deigh an lionn-dubh a chur air chùl, agus tha mi a saoilsinn gur mor an toileachadh a bheir e do na Gàidheil ann sa h-uile cearn ann e sa bheil iad, agus mar thuirt fear roimhe, “c’àite nach eil iad,” na bhios do litrichean laghach agus blath-chridheach, ann as gach cearn a tha toirt mòran fiosrachaidh do chach-a-chéile ma na càirdean a tha air an sgaradh feadh an t-saoghail, agus na seann sgeulachdan Gàidhealach, agus na h’ òrain ged nach iad bu chòir a bhi air deireadh; agus tha sin a toirt nam chuimhne òran a thuair mi bho chionn ùine nach eil fada bho dhuine ùasal urramach a thuair a cheud ghlochd na bheul do’n Ghàilig ann an eilean Thiridhe, far an do rinneadh an t-òran so le Alastair Dòmhnullach, agus tha mi a cur an òrain do ’r n-ionnsaidh feuch an airidh e air àit anns a’ Mhac-Talla, agus bho ’n a tha fios agam gum bheil moran barrachd a sgriobhadh do ar ’n ionnsaidh na gur urrinn sibh àit fhaotainn doibh air fad, cha bhi mise a gràtinn a bheag tuilleadh an drast. Bhithinn gle thaigneil nam faighinn na h-aireamhan a bhiodh eadar an da la a dh ainnich mi, se sin nam faodadh gin dhiubh a bhi air làimh, a chionn gum bheil mi a deanabh leabhar dhiu. Tha mi an dochas gun gabh sibh mo leathsgeul air son na thuirt mi aig an am, agus mur bi e car daghail leibh se ’s docha gun cluinn sibh bhuam an uine gun bhi fada rithist, ach co dhiu tha mi toilichte a bhi faicinn gum bheil moran a sgriobhadh do’r ’n ionnsaidh is fearr airidh air àite ann am Mac-Talla na Ur Seirbheiseach Umhail. SEUMAS A. MACILLEMHAOIL. Leighseadh mise o chuing, le MINARD’S LINIMENT. Bay of Islads. I. M. CAIMBEAL. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LININENT. Springhill, N. S. Um. DANIELS. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY. Tha ’n t-sìde bhlàth a th’ ann a nis o chionn faisg air còig latha deug an déigh na ròidean a mhilleadh, agus tha ’n deigh eadar da Shidni air fas cho dona ’s nach eil e air a mheas sàbhailte bhi ’ga gabhail, Tha choltas air gu’m bi an acarsaid fosgailte gu math tràth air an earrach so. Leighseadh Minard’s Liniment Breac. Chaidh fear Lachuinn Mac Fhionghain a bhàthadh aig Acarsaid Mhàbou air an t-seachdain s’a chaidh. Bhuineadh e a dh’ Amhainn an Fheòir. Dh’ fhag e Drochaid Mhabou gus a dhol dhachaidh mu dha uair feasgar Diordaoin, agus ’nuair nach d’ rainig e dh’ fhàs a bhean mi-fhoiseil dha thaobh agus chuir i duine a dh’ fhaicinn ciod a bha ceàrr. Chaidh am fear sin agus àireamh de mhuinntir eile dh’ ionnsaidh na deighe agus fhuair iad an t-each aige air a bhàthadh far an deach e troimh ’n deigh. Rinneadh a h-uile rannsachadh a ghabhadh deanamh anns an amhuinn, ach cha d’ fhuaras an corp fhathast. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 263] [Vol. 2. No. 34. p. 7] Turas a Mharaiche. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. Sheol “Sgeul a Mhor Aoibhneis” air aghart ni bu luaithe na àbhaist. Rinn na Maraichean strith ri chéile ann an dìlseachd. Ghabh Criosduidh iongantas ris an atharrachadh, ni modha a b’ urrainn da dhichuimhneachadh cia mar bha mhisneachd fein air ath-bheothachadh tra sheas e dlùth do ’n chrann-adhart a beachdachadh air na samhlaichean, agus a rannsachadh ciod a ghnè fìrinnean bha mar so air an comharrachadh a mach. Gu robh slàinte o ’n Tighearn a mhain bha fios aige; ach an fhad so mòran de dhiomhairrachd na Diadhachd foluichte bho shùilean, cheasnuich e Tuigse ma iomadh ni. Anns a chomh-ladair bha aca aon latha thubhairt Criosduidh ris: “Tha mi fo mhor iongantais carson a cheadaich a Maighistir urrad de dh’as-creidimh éiridh ann a ’n cridheachan na maraichean; nach robh an troimhe chéile neònach leatsa cuideachd?” Fhreagair Tuigse e; “Ceasnuich do chridhe fein; nach do chur thusa féin teagamh anns an fhìrinn gu ’m be Immanueil Mac Dhé.” Bha Criosduidh sàmhach car tamull; ach fadheòidh dh-amhairc e air Tuigse a ’n clàr an aodain, agus thubhairt e: “Buinidh nàire dhomh-sa agus rudhadh gruaidh.” Agus ann a làigse do chreidimh, fhreagair Tuigse, thuair am buaireadar aobhar oilbheum. Mheas thu an aimhreit-na olc, ach nach d’ fhoilsich i dhuit plàigdo chridhe fèinh.” Bheachd-smuainich crosduidh air so. An sin tubhairt e muair bha mi an iom-chomhairle cha da chuidich se leam àn robh mar-an-ceudna o ’n Tighearn?” “Bha gu cinnteach” fhreagair Tuigse, oir is ann leis a chridhe chreidear chum fireantachd. A thuilleadh air sin, cia mar dh-fhàsas do chreidimh mar bi e air a dhearbhadh? Leubh thu na briathran; “chum gu faighear dearbhadh bhur creidimh ni ’s luachmhoire gu mor na òr a théid a mugha, ged dhearbhar le teine e, chum cliù agus urraim, agus gloir aig foillseachadh Iosa Criosd.” Dh’iath an dorchadas timchioll orra tra bha iad a labhairt nan seasamh. Bha solusan an t’ soithich air an lasadh agus tra thubhairt Criosduidh na chridhe, “tha ’n Tighearn deanamh gach ni gu maith, chual e ath-aithris a bhriathran a teachd o ghuth Cridhe-subhach a bha aig an am air chaithris agus a seinn gu cridheil. “Tha gach ni gu maith!” Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c., ’s iad uile gle saor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach ’b uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 264] [Vol. 2. No. 34. p. 8] ORAN. LE IAIN MAC DHOMHNUILL MHIE ALASTAIR. Dh eirich mise maduinn chiuin ’S gun thog sinn siuil ri garbh-chruinn, Chunn’cas dubhradh mor is dudlachd An dara tnbh nuair dh’ fhalbh sinn. ’S gun sheid i bras ie borb-thuinn chas, ’S i tighinn a mach gu gailbheach, ’S i ruith le sugh air bharr gach stuchd, Ri togail smuid ’san fhairge. Bu mhath bhi n uair sin ’n coire luachrach Shuas aig airidh Uige, Far ’m biodh na h-uain ’s na caoraich luaineach Ruith mu ’n cuairt gu siubhlach; Mi fhin ’s mo chruinneag ri mo ghuallinn ’S deamhas chruadhach duinte aic’ ’S gach fear is gille ruith mu ’n cuairt ’S bhiodh Domhnull Ruadh le chu ann. Sud an gleann is boidhche sealladh Ann a maduinn reota Le caoraich gheala, dhubh, is ghlasa, Cuid dhiu tarr-fhionn, bròcach, ’S bidh lair le searrach ’m bun gach beallaich Suas ri strath nan lointean, ’Sa dh’ aindeoin gaillionn no fuachd Earraich Cha ’n iarr mart ann crothadh. S iomadh caileag chuimir, ghuanach Th’ ann ri uallach spreidhe Le cuman ’s buarach dol an bhuaile ’S laoigh mu ’n cuairt d’ i ’geumnaich B’ e n céol nach b’ fhuathach leam ur nuallan Dol a luadh na cleithe, ’S mi-fhin mu ’n cuairt duibh ’s piob ri ’m ghualainn Cluich nan duanag eibhinn. ’S iomadh caileag bhoidheach, chuimir Th’ ann, na suidhe air cuibhle, Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag— Bidh gach iorram binn aic— A snath is boidhche falbh bho meoirean Cothrom comhnard sinte; ’S a falt na chuaich air chul a ciuais, ’S e togta suas, is cir ann. ’S ann leam bu deonach bhi s a chomhlan Maduinn bhoidheach cheitein, Ag eisdeachd comhradh nam ban oga Stoireanan ri cheile Gach te toirt barr air te ’ile air bhoidhìchead Modhail eolach, speiseil, Le cleochda gorm ’s le coileir dearg Nuair bhiodh iad falbh do’n Léughadh. A chial ’s a nair! b’ e ’m biadh ’s am blàths A bhi nur cairdeas daonnan, Ri mire ’s manran cridheach, gaireach,— Be sud gnaths mo dhaoine,— Nan tachradh te dhibh bhi ‘s an atha Oidhche mhart na h-aonar Gun loisgte pairt oirre de ’n ghran Le gille ban Beinn Mhaoineis. Nuair bha mi og, mun d’ rinn mi posadh Bha mi gorach aotrom Falbh gu sporsail ’measg nan og-bhan, Sud an seol bu chaobh leam ’S an te bhiodh coir ’s a bheireadh pog dhomh Shuidhin stolt’ ri taobh-se, ’S o ‘n te nach fuilingeadh ball na coir dhiom Gheibhinn dorn mu n aodan. Nuair thig an geamhradh ’s am na m bainnsean Gheibh sinn dram bho ’n Toiseachd; Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean ’S aig na gillean oga, Bidh mnathan fein ann subhach eibhinn ’S iad ag cubhach oran ’S bidh dram aig bodaich ann a fodar ’8ogan orra storigh. Gheibhte sgialachdan ro bhriadha Aig bodaich liatha, cheanna-ghlas, B’ iad sud na seoid muair bha iad og Gu iomairt bho feadh gharbhlach, Gu m biodh iad tric s an Eaglais-Bhric Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch, S cha rachadh brog a chur mu ’n spoig Gu ruigte an ceo o ’n d’ fhalbh iad. Iain ’ic Thearlaich far do lamh, Tha sinne cairdeil daonnan; Tha thusa fas is mise cramh, ’S mo cheann cho ban ri faoileig, ’S bu mhor an toileachadh do phaiste Gheibheadh blath ri taobh thu; ’S nuair thig an geamhradh bidh tu sas Aig nighinn bhain ’Ilc Mhaoiloin. ’S iomadh oidhche fhliuch is fhuar A ghabh mi suas an t-ard-chnoc A shealltinn air a chaileig ghuaineich Da ’n robh ghruaidh ro narach, Olc no math le luchd ar tuaileis, A luaidh, gus mi ga d’ fhagail, Phos mi sin thu ’s thug mi uath’ thu, S bha sud cruaidh le Padruig. Fhir a shiubhlas gu mo dhuthaich— ’Sann a Uig a dh’ fhalbh mi— Thoir beannachd dubailte da h-ionnsuidh Chosdas cruintean airgid, Is can ri Seochd a th’ anns a Chuil, An co-dhunadh mo sheanchais, Gur barail leam gu faic mi ghnuis Mu ’n teid an uir air Armchul. Rugadh Iain Domhnullach, Iain Mac Dhomhnuill mhic Alasdair ann an Uig san Eiliean Sgithanach, mu ’n bhliadhna 1797. Bha e beagan bhliadhnachan ’san Reiseamaid Duibh. Cha robh athair deonach e a bhi san arm, agus cheannaich e as e. An deigh an t-arm fhagail thanaig e air ais do Ghleann Uige. Thug e fichead samhradh ’s a h-ochd aig iasgach an sgadain. Bhiodh e aig an taigh sa gheamhradh. ’S ann aig an iasgach a bha e nuair a rinn e ’n t-oran so. Chaochail e sa bhliadhna 1875. Rinneadh iomadh òran leis, ach ’s e ’s dòcha nach gabh iad faighinn an diugh. Theireadh cuid am Bard Uigeach ris. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh Thanaig Iain Holwood, ann an tigh nam bochd Halifax, ri bheatha féin an là roimhe. Chroch e e-féin le ròp ann an t-sabhal. ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 265] [Vol. 2. No. 35. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 24, 1894. No. 35. AN SAIGHDEAR ’S NA CAIRTEAN. Bha aig am àraid saighdear d’ am b’ ainm Richard Lee fa chomhair breitheamh airson cluith chairtean re seirbheis na Sàbaid. Tha e coltach gu robh ’n sergant a thoirt commanda do na saighdearan aig an eaglais, agus muair a leugh a ministeir an ùrnuigh, thug e mach a cheann-teagaisg. A mhuinntir aig a robh Biobuill thug iad a mach iad, ach cha rebh aig an t-saighdear so aon chuid Biobuill no leabhar-ùrnuigh, ach a toirt a mach paca chartean, sgaoil e ma choinneamh iad. Shealladh e air aon té, agus an déigh sin air tè eile. Chunnaic an sergant na cuideachd e, agus thubhairt e ris “A Richard, cuir uat na cairtean, cha n aite so dhiobh.” “Coma leat sin,” arsa Richard. Nuair bha ’n t-seirbheis seachad thugadh an saighdear air benlthaobh a Phrothaist. “Well,” arsa am Prothaist, “Carson a thug sibh an saighdear an so?” “Air son cluich chairtean ’san eaglais.” “Gle mhath a shaighdear, ciòd e a th’agad ri radh air do shon féin?” “Gu leòr, tha dochas agam,” arsa ’n saighdear. “Gle mhath, mur eil, peanasaichidh mi thu ni ’s mo na pheanasaicheadh duine riamh.” “Bha mi,” arsa ’n saighdear, “bho chionn sea seachduinean air an fhalbh. Cha ’n eil aon chuid Biobuill na leabhar-ùrnuigh agam. Cha ’n eil ni sam bith agam ach paca de chairtean, agus toilichidh mi do mhòrachd mu fhior-ghloine m’ inntinn.” Agus a sgaoileadh nan cairtean air beulthaobh a Phrothaist, thòisich e leis an ace: Nuair a chi mi an ace cuimhnichidh e dhomh nach eil ann ach aon Dia. Nuair a chi mi an deuce cuimhnichidh e dhomh an t-Athair ’sa Mhac. Nuair a chi mi an tray, cuimhnichidh e dhomh an t-Athair, a Mhac, agus an Spiorad Naomha. Nuair a chi mi na ceithir spotan cuimhnichidh e dhomh na ceithir soisgeulaichean, Mata, Marc, Lucas agus Eòin. Nuair a chi mi chòig cuimhnichidh e dhomh na còig òighean glic a dheasaich an lòchrain—bha deich ann, ach bha còigear dhuibh glic agus còigear amaideach. Nuair a chi mi ’n t-seath cuimhnichidh e dhomh gu’r ann a sea làithean a rinn Dia neamh agus talamh. Nuair a chi mi ’n t-seachd cuimhnichidh e dhomh gu’r ann air an t-seachdamh la ghabh e fois o obair mhòr a chruthachaidh. Nuair a chi mi an ochdamh cuimhnichidh e dhomh an ochdnar a bha air an tearnadh nuair a sgnos Dia an saoghal. Nuair a chi mi an naodhamh cuimhnidh e dhomh na naoidh lobhair a bh’ air an glanadh le Criosd, bha naoidh as an deich nach do phill a thoirt molaidh. ’Nuair a chi mi na deich cuimhnichidh e dhomh na deich aitheantan a shin Dia nuas do Mhaois air da clàr cloiche. Nuair a chi mi an Righ cuimhnichidh e dhomh Righ nan neamh. Nuair a chi mi a Bhàn-righ cuimhnichidh e dhomh Bàn-righ Sheba a thainig a chomhaid Shollamh.” “Well,” arsa am Prothaist, “thug thu deadh mhienachadh asda uile ach a aon.” “Co an te?” “An trudar,” arsa ’m Prothaist. “Bhéir mi mìneachadh as a sin cuideachd mur a bi fearg ort.” “Cha bhi,” arsa am Prothaist, “mur abair thu gu’r a mi-féin an trudar.” “Well,” arsa ’n saighdear, “se a maor a thug an so mi, trudar as mo ’s aithne dhomh.” “Cha ’n eil fhios agam,” arsa am Prothaist, “am e trudar ’s mò, ach tha fios agam gur e amadan ’s mò.” “Nuair a chunntas mi na spotan ann am paca chairtean gheibh mi tri cheud, tri fichead sa coig, ’n aon uiread ’sa tha de làithean ann am bliadhna. Nuair a chunntas mi ’n àireamh chairtean a tha ’sa phaca, gheibh mi gu bheil da fhichead sa dha dheug ann, an àireamh sheachduinnean a tha sa bhliadhna, agus gheibh mi ceithir seòrsachan, an àireamh sheachduinnean ann am mios. Tha mi ’faotuinn da chairt dheug dhealbhan ann am paca, a foilseachadh an àireamh mhiosan sa bhliadhna, agus aig cunntas nan car, gheibh mi tri deug, an àireamh sheachduinnean sa ràidh. Mar sin chi thu, a Mhaighstir, gu’n dean paca chairtean an gnothach airson Biobuill, miosachain, agus leabhar-ùrnuigh.” T. C. Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh chaochail bantrach Amhlaidh ’Ic Amhlaidh aig Man-O’-War Point, Boulardaei. Bha i ceud bliadhna s’a seachd a dh’ aois. Chaidh a h-adhlacadh Di-haoine. Tha dithis dhaoine ’sa phriosan ann a Halifax air son tigh a chur na theine air son an t-airgiod-urrais fhaotainn. Cha d’fhuair iad an t-airgiod ach tha e ro choltach gn faigh iad an tigh-oibreach ’na àite. Bha là Fhéill Pàdruig air a chumail le moran greadhnachais ann an cuid de bhailtean Chanada, agus cha mhor gu robh baile idir nach d’rinn a bheag no mhor air son ainm Phàdruig a chumail air chuimhne, an Gàidheal diadhaidh a rinn na h-uiread air son Eirinn. Rugadh air àireamh fhiadh ann an New Brunswick o chionn ghoirid agus chaidh an toirt do choilltibh Nobha Scotia, far an robh iad aon uair gu math pailt, ach far nach eil gin dhe’n seòrsa ’n diugh. Tha’n Carriboo ri fhaotainn an Ceap Breatunn fhathast, ach feumair an dion na’s fhearr na thatar a deanamh neo cha’n fhad a bhitheas. Is mac Albannaich Mr. Gladstone, agus am fear a tha air dol a stigh na àite is Albannach e mar an ceudna. Tha cuid de na Sasunnaich a dranndan mu dheadhainn sin, ach cha’n eil e ro fhurasda dhaibh a chùis a leasachadh, oir is sàr Albannach Mr. Balfour, ceannard na pàirtidh eile, agus mar sin ged chuireadh iad pàirtidh Gladstone a dreuchd cha b’ ann dad na b’fhearr dheth a bhitheadh iad. Cha bhiodh iad ach a leum as an teine do’n ghriosaich. [TD 266] [Vol. 2. No. 35. p. 2] MAIRNEALACHD, Agus Rud no Dha Eile. LE IAIN. (Atr a leantuinn.) MAR a dh’fhaodar a thuigsinn o na dh’ ainmich mi mar tha, tha na comharraidhean a thug mi seachad mu ’n t-sìde ann an co-cheangal ri amannan agus aimsirean na bliadhna, agus tha earrann mhòr de ’n bhliadhna mu nach toir iad eòlas sam bith dhuinn a thaobh na sìde. A nis innsidh mi na th’ air chuimhne agam de na comharraidhean eile leis am faodar aithneachadh c’uin a tha ’n t-sìde gu atharrachadh, agus ciod an t-atharrachadh a bhios ann. Bha e air a làn-chreidsinn aon uair gu ’m biodh a h-uile Diciaduin soilleir, grianach, ann an tomhas beag no mòr, eadhon ann an dùdlachd a’ gheamhraidh. So mar a tha ’n sean fhacal ’g a chur, “Cha robh Diciaduin riamh gun a’ ghrian; Cha robh geamhradh ciar gun smal, Cha robh Nollaig Mhòr gun fheòil; ’S cha robh bean d’ a deòin gun fhear.” A chionn gu ’m b’ ann air Diciaduin a chruthaicheadh a’ ghrian tha e fìor nach robh Diciaduin riamh gun a’ ghrian. Bha muinntir a’ creidsinn gu nochdadh a’ ghrian a h-aghaidh co dhiu air an latha dhe ’n t-seachduin air an do chruthaicheadh i. B’ aithne dhomh iomadh neach a bha ’g ràdh gu ’n do ghabh iad beachd air gu robh a’ ghrian ri ’faicinn a’ bheag no mhòr a dh’ ùine a h-uile Diciaduin o bu chuimhne leotha. Mar an ceudna bha e air a làn chreidsinn gu’m biodh an t-uisge mòr ann fad an latha Dihaoine nam b’ e ’s gu ’m biodh an t-uisge ann gle mhoch ’s a’ mhaduinn. So mar a theirteadh, “Ma gheibh an Aoine na beul e aon uair cha dean i turadh fad an latha.” Nam biodh Dihaoine fluich bhithteadh cinnteach gu ’m biodh Didònaich fliuch. “Bidh an Dònach a réir na h-Aoine.” Bha na seann daoine a’ gabhail beachd sònraichte air gach atharrachadh a dheanadh a’ ghaoth, agus feumaidh neach sam bith a ghabhas beachd air, aideachadh gu bheil gach atharrachadh a thig air a’ ghaoith na chomharradh anabarrach math air atharrachadh na sìde, Ma théid a’ ghaoth tuaitheal, ’s e sin, an aghaidh na gréine, faodaidh gach neach a bhith cinnteach gu ’m bi an tsìde gu h-olc gus an till i air a h-ais a dh’ ionnsuidh na h-àird o ’n d’ fhalbh. Faodaidh latha no dha de dheadh shìde tighinn eadhon an déigh do’n ghaoith car cearr a chur dhith, ach cha tig sìde chunnabhallach gus an till a’ ghaoth do ’n taobh o ’n d’ thàinig i. Ma bhios a’ ghaoth a’ sìor atharrachadh, tha e ’na fhìor dhroch coltas air an t-sìde. An uair a bhiodh a’ ghaoth ag atharrachadh mar so theireadh iad o shean, “Tha ’ghaoth ag iarraidh nam port.” Ma bhios an t-sìde cho ciùin ’s nach urrainnear a dheanamh a mach cò an taobh o ’m bheil a’ ghaoth, faodar a bhith cinnteach gur ann o ’n deas a shéideas i, “An uair a bhios a’ ghaoth air chall, iarr o ’n deas i.” Tha ’n comharradh so a cheart cho cinnteach ris na comharraidhean eile a dh’ainmich mi mu’n ghaoith. An uair a tha’ ghaoth mar so a’ grad thuiteam, agus an sin a’ séideadh o ’n deas, faodar a bhith cinnteach gu’n tig an t-uisge mòr. An uair a tha ’n t-uisge mòr ann cha bhi dùil ri turadh gus an séid a’ ghaoth o ’n iar. Mar a tha am facal ag radh, “Olc air mhath le fear ga h-iarraidh Thig i an iar an deigh an uisge.” Ach mur téid a’ ghaoth thun an tuath faodar a bith cinnteach gu ’n till i air a h-ais gu deas mur bi frasan leatha. Gaoth an iar gun fhrois, Bidh i’ triall gu deas.” Ged is ann o’n deas is mò a thig de ’n uisge, is ann o ’n àird an iar a dh’ éireas na neòil a chomhdaicheas na speuran. Is ann mar so a tha ’chùis anns gach àite a tha dlùth air a’ chuan an iar. Mar a tha am facal ag ràdh, Is i an àird an iar a Shalaicheas gach àird.” B’ ann o ’n iar a dh’ éirich an neul beag mu leud na boise a chòmhdaich na speuran ann an ùine ghoirid an uair a bha Eliah am Fàidh ag ùrnuigh air mullach Chàrmeil. Am uair a bhiodh ceò is uisge min ann, no ceò trom gun a’ bheag a dh’ uisge, bhiodh na seann daoine cinnteach nach glanadh an ceò ’s an uisge min air falbh ach le gaoith a’ tuath, no le uisge mòr. Theireadh iad, “Gaoth a’ tuath a sgaoileas ceò,” agus, “Cha teid bàs pathaidh air ceò an t-seann soluis.” Aon uair ’s gu’m bristeadh air a’ ghealaich theirteadh, an seann solus rithe, gu h-àraidh an uair a bhristeadh air a’ cheathramh mu dheireadh dhi. An uair a bhios an t-sìde bristeach agus a thionndaidheas a’ ghaoth ris an tuath, tha e gu tric a’ tachairt gu bheil a’ cheud da latha dhi gle gharbh, ach mar is trice bidh an treas latha dhi ciùin gu leòr. Ann an cuid de na h-Eileanan an Iar their iad, “Air an treas là bristidh a’ ghaoth a’ tuath a cridhe.” Chuala mi na briathran a leanas gu math tric:— “A’ cheud latha de ’n ghaoith a’ deas, An treas latha de ’n ghaoith a’ tuath, An dara latha de ’n ghaoith an iar, ’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair.” A réir mar a thuig mi na briathran so, bhiodh a’ cheud latha de ’n ghaoith a’ deas, an treas latha de ’n ghaoith a’ tuath, agus an dara latha de ’n ghaoith an iar, ciùin gu leòr air son scòlaidh agus iasgaich; ach bhiodh a’ ghaoth an ear an còmhnuidh cho ciùin ’s gu faodadh daoine bàtaichean oibreachadh. Tha e ainneamh, ma tha e idir, a’ tachairt, gu bheil gaoth àrd, no stoirm a’ tighinn o’n aird an ear. Tha e comharraichte gur ann ris an àird an ear a tha aghaidh nan taighean aig a’ chuid a ’s mò de shluagh nan Eileanan an Iar. Is ann o ’n iar ’s o ’n iar-dheas is trice a thig na stoirmeanan, agus o’n a tha ’ghaoth an ear an còmhnuidh ni ’s ciùine na gaoth sam bith eile, ged a tha i gle fhuar, is ann ris an ear is freagarraiche aghaidh nan taighean a bhith. “Feasgar dearg is maduinn ghorm coltas na deagh shìde.” Mar an ceudna bha, agus tha e ’na fhìor dhroch coltas air an t-sìde a’ mhaduinn a bhith sgàireach dearg. An uair a bhios an iarmailt làn a dh’ fhir-chlis, ’s iad a cur nam both dhiu gu làidir, faodar a bhith cinnteach gu ’n tig gaoth is uisge gu leòr an ùine ghoirid. Ach ma bhios na fir-chlis gu h-iosal anns an àird a’ tuath, is comharradh air an t-sneachda e. Mar a dh’ aithnichear air na neòil gu bheil an t-uisge dlùth air laimh, aithnichear mar an ceudna air na neòil an uair a bhios an sneachda gu tighinn:— “Bonn gorm agus bàrr lachdunn, Pàirt de choltas an t-sneachda.” Ain uair a tha sneachda mòr gu tighinn is e clachan mìne meallain a thig an toiseach. Nan déigh thig na pleòiteagan agus an cathadh. Agus mar is trice is i chlach mhìn mheal- [TD 267] [Vol. 2. No. 35. p. 3] lain a thig mu dheireadh. So mar a theireadh na seann daoine:— “Tolseach is deireadh na sìne Clachan mìne meallain.” Tha e furasda gu leòr neòil an uisge aithneachadh, gu h-àraidh na neòil ris an canar an “runnach.” Theirear an “runnach” ris na neòil so a chionn gu bheil iad breac mar a tha da thaobh an éisg ris an canar an “runnach.” Ge b’ e uair a chithear na neòil so faodar a bhith cinnteach nach bi an t-uisge fada gu ’n tighinn. An uair a chithear buaile mhòr mu ’n ghréin no mu’n ghealaich, faodar a bhith cinnteach gu bheil uisge agus gaoth dlùth air laimh. An uair a chithear na beanntan ni’s dlùithe air laimh na tha iad, is comharradh e gu bheil an t-uisge dlùth air laimh. Aithnichidh na daoine a tha fuireach air taobh an iar an Eilean Fhada air fuaim a’ chladaich ma bhios a’ ghaoth gu séideadh o ’n ear. Aithnichidh na h-iasgairean agus na seòladairean air gluasad nan tonn gu ’m bi an stoirm faisge orra. Tha na h-eòin ’nam m àirnealaichean anabarrach math. Aig iomadh àm thig na faoileagan nam ficheadan o na cladaichean a dh’ ionnsuidh nan achaidhean, agus o ’n a ghabh na seann daoine beachd gu ’n tigheadh uisge trom no sneachda mòr mu ’n àm anns am faiceadh iad na faoileagan air feadh nan raointean, thuirt iad:— “Faoileagan manadh an-sneachda, Scàireagan manadh an uisge.” Ge b’ e uair a chithear ealta de na bigeanan-baintighearna* a’ ceileireadh gu binn air cliathaich taighe, no air craoibh, no air gàradh, faodar a bhith cinnteach gu ’m tig sìde gle fhuar no eadhon sneachda, gun dàil. Ma chithear breac-an-t-sìl a’ tighinn dlùth do na dorsan a sgrobadh far am bi na cearcan a’ faotainn am bidh, faodar a bhith cinnteach gu ’n tig laithean a dh’ fhìor dhroch shìde. Bha daoine ’gabhail beachd air gu robh an dreadhain-donn glé dhéidheil air a bhith ’dol a steach do na tuill an uair a bhiodh an t-uisge dlùth air laimh, agus bha iad a’ creidsinn gu ’m b’ ann a chionn gu robh an t-uisge gu sileadh a bha e dol ’s na tuill. Aig an àm cha robh fhios aca, a réir choltas, gur ann air na cuileagan a tha n dreadhain-donn a’ tighinn beò. Is e * The mountain linnets. eun is lugha agus is meata ’th ’anns an dùthaich againn; ach cha ’n ’eil eun eile anns an ealtuinn air son an d’ rinneadh a leithid a dh’ ulluchadh ann an riaghladh an Fhreasdail ’sa rinneadh air son an dreadhain duinn. An uair a bhios an t-uisge dlùth air laimh theid a’ chuid a’s mò de na cuileagan a steach do na tuill, fo na clachan anns na gàraidhean, agus so na t-àm anns an fhusa do’n dreadhain-donn a shàth de ’n bhiadh a’s fhearr leis fhaotainn. Beagan mu ’n sil an t-uisge cha ’n fhaicear cuileag a’ gluasad ach na meanbh-chuileagan a bhios a’ dannsadh anns an fhasgadh gus an cuir an t-uisge mòr nan tàmh iad. Gun teagamh sam bith faodar a ràdh gu bheil an t-uisge gu sileadh an ùine ghoirid ma chithear an dreadhain-donn a’ dol gu math tric do na tuill. Ma bhios na coilich a’ gairm an àm dhaibh a bhith ’gabhail mu thàmh is comharradh e gu ’m bi ’n t-uisge ann mu ’n tig a’ mhaduinn. Ma ghairmeas iad an uair a tha ’n t-uisge ann is comharradh e nach bi an turadh fada gun tighinn. Dìreach mar a dh’ éireas a’ ghlaine-shìde mu ’n téid an t-uisge as, mar sin teannaidh na h-uiseagan ri gairm mu ’n teid an t-uisge as. Bha agus tha muinntir a’ creidsinn gu bheil an t-sìde ann an tomhas mòr air a riaghladh leis a’ ghealaich. Theireadh iad gu’n atharraicheadh an t-sìde an uair a thigeadh an solus ùr, no an uair a bhiodh an ceathramh slàn, no an uair a bhiodh a’ ghealach na h-àirde, no an uair a bhristeadh air a’ cheathramh mu dheireadh. Bha iad a’ toirt fa near gu robh an t-sìde ag atharrachadh gu math trie aig an àm anns an robh ’ghealach ag atharrachadh, agus o ’n a bha iad cinnteach gu leòr gu robh lìonadh agus tràdhadh na fairge ann an tomhas mòr fo riaghladh na gealaich, bha iad an dùil gu robh an t-sìde mar sin mar an ceudna. Tha iomadh neach a dh’ ionnsuidh an latha ’n diugh nach toir fa near gu faod nithean tachairt aig an aon àm gun cho-cheangal sam bith a bhith eatorra. Biodh so mar a thogras e, bheir sinn fa near na beachdan a bh’ aig na seann daoine. Bha iad a’ creidsinn mar an eeudna gu robh an solus a thigeadh a steach air Disathuirne ri bhith anabarrach fiadhaich. “Solus na Sathurna, gabhaidh e ’n cuthach seachd uairean.” Ann an Leodhas theireadh iad, “Solus earraich ’s bean ’ga innseadh, gabhaidh e ’n cuthach tri uairean.” Theireadh iad o shean, agus chuala mi am bliadhna fhéin e, gu sil an t-uisge mar is tric air toiseach dn lìonaidh. “Silidh e air a lìonadh.” Nach ’eil an t-àm agam sgur de ’n obair so? Tha eagal orm gu fàs sibh cho sgith ag eisdeachd ris an t-seann seanachus so ’s a dh’ fhàs an gobha de’ mhàthair an uair a thiodhlaic e seachd uairean i. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh; “Ge math an ceòl feadaireachd Fòghnaidh beagan dheth.” IANI. (A’ Chrioch.) C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 268] [Vol. 2. No. 35. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 24, 1894. Chan eil fhios fhathast co dhiu tha no nach eil còir laghail aig mor-roinnean Chanada air bacail a chur air reic na deoch làidir, ach tha chùis ri chur air beulaobh nan cùirtean toiseach ceud mhios an t-samhraidh agus an déigh dhaibh-san breith a thoirt, theid a chur air feuiaobh àrd-chùirt Bhreatuinn, agus ’si bhreith a bheir a chùirt sin a chuireas a dh’ aon taobh gach càs us tagradh. ’Nuair a bheirear breith air càs anns a chùirt sin, cha ghabh e cur na’s fhaide. Ma ’s e ’s gun abair àrd-chùirt Bhaeatinn gu bheil còir laghail aig mòr-roinnean Chanada air bacaìl a chur air reic na deoch làidir bidh e mar fhiachaibh air luchd-riaghlaidh Nobha Scotia, Eilean a Phrionnsa, New Brunswick, Ontario us Mhanitoba sin a dheanamh gun dàil, oir fhuair iad uile lan ùghdaras o’n t-sluagh. Ach ma’s e ’s gun abair a chùirt nach eil a chòir sin aca, rud a tha glé choltach, feumaidh càirdean na stuamachd feitheamh gus an toir Uachdranachd Chanada cothrom do shluagh na dùthcha air fad air am barail a chur an céill aig na polls; agus ’nuair a gheibh, ge be taobh a’s treise, theid a chùis leotha. Cha bhi ’n uine nis fada gus am bi am MAC-TALLA da bhliadhna dh’ aois. Thòisich e glé bheag agus bha e gu math lag ach thainig e air adhart a lion beagan us beagan, agus mar a dh’ fhàs a chàirdean na bu lionmhoire, dh’fhàs e na bu mhò. Tha ’n clò a tha ri fhaicinn air a dhuilleagan air fas gu math na’s glaine na b’ àbhaist da, agus tha e uile gu leir na phaipear na’s coltaiche na bha e ’n toiseach. Bhitheamaid a nis air choinneamh an t-samhraidh glé dheònach air am MAC-TALLA a mheudachadh ’sa neartachadh agus a stédiheachadh gu daingeann, oir tha sinn a lan chreidsinn ma a nithear sin gu bheil saoghal fada dh’ fheitheamh air. ’S e ’n dòigh a bha romhainn sin a dheanamh, cuideachd a chur air chois a ghabhadh am paipear as laimh agus a chuireadh e air bonn cho math ’s bu choltach dha bhith. Tha àireamh mhath an déigh gealltanas a thoirt dhusnn mar tha, agus tha fhios againn gu bheil àireamh mhòr d’ar càairdean a bhiodh ro dheònach a bhi ’sa chuideachd. Bidh sinn toileach cluinntinn uatha sin, agus bheir sinn dhaibh gach fiosrachadh is urrainn duinn. NAIDHEACHDAN. Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal. a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873? Chaidh Mr. Bonnell, seann duine mhuinntir Sidni-a-Tuath, do’n eaglais Mhethodich anns a bhaile sin maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus air dha ’àite suidhe ’ruigheachd, chaidh e mar bu ghnàth leis, air a ghlùinean. Thug pàirt dhe’n cho-thional fa near nach robh e ’g éiridh; chaidh iad far an robh e agus fhuair iad gu robh e air caochladh. Chaidh an corp a thoirt dhachaidh gun dàil agus an là-r-na-mhaireach chuireadh air falbh gu Newfoundland e gu bhi air adhlacadh far an robh a dhachaidh an toiseach. Bha e ’cur gnothuich air adhart ann an Sidni-a-Tuath o chionn àireamh bhliadhnaichean. Thainig an t-Urr. I. F. Forbes air ais a Shidni deireadh na seachdain s’a choidh. Thainig a fhean ’sa theaghlach feargar Diordaoin air an t-seachdain so. Fhuair sinn litir o chionn ghoirid o Dhomhnull Mac Nèill, Loch na h-aibhne Deas, an Nobha Scotia, agus so mar tha e ’g radh mu Mhr. Forbes:—“’Se bu mhinstein dhuinn an so fad fhichead bliadhna agus bu duilich sinn an latha a dh’fhàg e sinn. Ma’s beò mi air an ath shamhradh thèid mi a shidni g’a shealltuinn, bheir mi céilidh dhuitse mar an ceudna.” Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. [TD 269] [Vol. 2. No. 35. p. 5] Aon là air an t-seachdain s’a chaidh chruinnich muilleinean de na ròcaisean aig Niagara Falls, agus chluinnte an gorcail far nach faicte iad. Tha moran dhaoine ’sa choimhearsnachd a’ creidsinn gur a droch mhanadh na rocaisean a bhi cho lionmhòr. Chruinnich Parlamaid Chanada air Dior-daoin an coigeamh latha deug dhe’n Mhàrt. Cha do thòisich iad ceart fhathast agus uime sin cha’n eil moran ri innseadh. Tha an tìgh ma sgaoil ’sna làithean so a cumail na Càisge. Tha ban-righ Victoria anns an Eadailt air a mhios so. Tha e ’na chleachdadh aice a h-uile earrach a bhi dol aona chuid do’n Fhraing no do’n Eadailt air son a slàinte. Tha na dùchannan blàtha sin moran na’s fallaine ’n am an earraich na tha Breatuinn. Tha Morair Abaraidhean agus a bhan-tigharna a tighinn air chuairt do na mòr-roinnean ìosal air an t-samhradh s’a tighinn, agus cha’n eil teagamh nach tig iad a Cheap Breatunn a dh’fhaicinn nan cnoc ’s nan gleann ’s nan loch ’s nan strath a’s àluinne ghabhas faicinn. Ann an Nanaimo, B. C., thòisich Arnailt na Slàinte (Salvation Army) aon oidhche air bualadh nan clag ’s air eigheach, “Teine! teine!” Cha mhor nach d’ ranaig a h-uile duine sa bhaile far an robh iad, ’s an anail ’nan uchd. Dh’fheòraich iad, “C’aite ’m beil an teine?” Ann an Ifrinn,” arsa na h-oifigich, agus mur dean sibhse aithreachas gheibh sibh ur leòr dheth.” Tha na paipearan a cur sios gu mor air an armailt air son so. Tha tuathanach aonranach ann am Manitoba a chuir fios anns na paipearan naidheachd o chionn mios no dha ag radh guìn bn toigh leis pòsadh agus ag irraidh air té sam bith a bhiodh toileach a ghabhail sgriobhadh thuige. Cha robh e fada ’feitheamh an uair a thòisich na litrichean air tighinn, agus tha e cheana ’n deigh tri fichead litir ’sa deich fhaotainn o mhaigheadan a tha, a réir coltais, cho aonranach ris fhéin. Fhuair sinn o chairid urramach ann an Ontario Oran Stuamachd a rinn Gobha na h-Earradh, agus gheobh ar leughadairean e an ùine ghoirid. Tha againn air laimh mar an ceudna eachdraidh a sgriobh “Bartimeus,” agus cunntas air turus-cuain as a Ghàidhealtachd le Calum Mac Fhearghais, a thuilleadh air àireamh de litrichean ’s de sgriobhaidhean eile dha’n dean sinn rùm cho luath ’s is urrainn duinn. Leighseadh Minard’s Liniment Breac. Aig Big Bull, Newfoundland, chaidh tigh le fear Iain O’Criscoll na theine agus chaidh a bhean ’sa cheathrar chloinne a losgeadh gu bas. Tha sàcramaid na suipear ri bhi air a frithealladh an Eaglais St. Andrdw am màireaeh, B’e ’n dé latha na Ceiste ’agus bha’n seirbheis gu h-iomlan anns a Ghàilig. Chaidh bear Uisdean Dùghallach a mhuinntir Bhroad Cove a mharihadh aig Forksville, Pa., le sgiorradh air an ochdamh là de’n Mhàrt. Bha e falbh le ràth air an amhuinn, agus air dòigh eigin chaidh e an sàs am nam maidean agus bha e air amharbhadh. Leighsidh Minard’s Liniment ghoirt. Chaidh carbad iaruinn a chur bhar an rathaid eadar New Glasgow us Pictou o chionn ghoirid, agus tha gille òg, aois dha bhliadhn deug air a chur an sàs air a shon. Tha e ’g aideachadh gu’m b’ e a rinn an gniomh, gun do chuir e maide air an rathad a chuir an carbad air aimhreit. Tha tri càraidean a fuireach air an Amhainn Mheadhonaich am Pictou a tha pòsda o chionn còrr us tri fichead bliadhna, Tòmas Horne ’sa bhean a tha pòsda tri fichead bliadhna ’sa ceithir; Uilleam Friseal ’sa bhean, tri fichead bliadhna ’sa h-aon; agus Niall Mac Aoidh ’sa bhean, tri fichead bliadhna ’s h-aon. Tha iad uile gu fallaim, tapaidh; gu ma slàn iomradh orra! Chaidh Raonull Mac Fhearghais, duin’ og a mhuinntir nam Forks a mharbhadh aig méinn Chaledonia ’sa mhaduinn Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’feuchainn rìs an reothadh a thoirt a cnapan deynamite ri blàths an teine; chaidh an dynamite dheth, a cur an taighe ’san robh e as a chéile agus ’ga leònaph-san cho dona ’s nach robh e beò ach gu maduinn an ath latha. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 270] [Vol. 2. No. 35. p. 6] NA FIANTAICHEAN. Bha fear air astar uaireigin mu thuath, a réir coslais, mu Siorramachd Inbhirnis. Bha e a’ coiseachd là, ’us chunnaic e fear a’ buain sgrath leis an làr-chaipe. Thainig e far an robh an duine. Thubhairt e ris “Oh, nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin.” Thubhairt an duine ris, “Oh, nam faiceadh tu m’ athair, is e a ’s sine na mise.” “D’athair” ars’ an duine, “am bheil d’athair beò ’s an t-saoghal fhathasd?” “Oh, tha” ars’ esan. “C’àite am bheil d’athair” ars’ esan, “am b’urrainn mi ’fhaicinn?” “Uh, is urrainn” ars’ esan, “tha e a’ tarruing dhathigh nan sgrath.” Dh’innis e an rathad a ghabhadh e ach am faiceadh e ’athair. Thàinig e far an robh e. Thubhairt e ris, “Nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin.” “Uh,” ars’ esan, “nam faceadh tu m’ athair, is e a ’s sine na mise.” “Oh, am bheil d’ athair ’s an t-saoghal fhathasd?” “Uh, tha,” ars’ esan. “C’aite am bheil e” ars’ esan, “an urrainn mi ’fhaicinn?” “Uh, is urrainn,” ars’ esan, “tha e a’ tilgeadh nan sgrath air an tigh.” Ràinig e am fear a bha ’tilgeadh nan sgrath. “Oh, nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin,” ars’ esan. “Uh, nam faiceadh tu m’athair,” ars’ esan, “tha e mòran na ’s sine na mise.” “Am bheil d’athair agam r’a fhaicinn?” “Uh, tha,” ars’ esan, “rach timchioll, ’us chi thu e a’ cur nan sgrath.” Thainig e ’us chunnaic e am fear a bha ’cur nan sgrath. “Oh, a dhuine” ars’ esan, “is mòr an aois a dh’fheumas sibse a bhi.” “Oh,” ars’ esan, “nam faiceadh tu m’athair.” “An urrainn mi d’athair fhaicinn?” ars’ esan, “C’àite am bheil e?” “Mata” ars’ an duine, is òlach tapaidh coltach thu, tha, mi ’creidsinn gu’m faod mi m’athair a shealltuinn duit. “Tha e,” ars’ esan, “stigh ann an geadan clòimhe an ceann eile an tighe.” Chaidh e stigh leis ’g a fhaicinn. Bha na h-uile gin diùbhsan ro mhòr, nach ’eil an leithid a nis r’a fhaotainn. “Tha duine beag an so,” ars’ esan, ’athair, “air am bheil coslas òlaich thapaidh, Albannach, ’us toil aige ’ur faicinn.” Bhruidhinn e ris, ’us thubbairt e; “Co as a thàinig thu? Thoir dhomh do làmh, ’Albannaich.” Thug a mhac làmh air seann choltair croinn a bha ’na luidhe làimh riu. Shnaim e aodach uime. “Thoir dha sin,” ars’ esan ris an Albannach, “’us na toir dha do làmh.” Rug an seann duine air a’ choltair; ’us a’ cheann eile aig an duine eile ’na làimh. An àite an coltair a bhi leathann, rinn e cruinn e, ’us dh’fhàg e làrach nan cuig meur ann, mar gu’m bitheadh uibe taois ann. “Nach cruadalach an làmh a th’agad, ’Albannaich,” ars’ esan, “Nam bitheadh do chridhe cho cruadalach, tapaidh, dh’iarrainnse rud ort nach d’iarr mi’ air fear roimhe.” “Ciod e sin, a dhuine?” ars’ esan, “ma tha ni ann a’s urrainn mise ’dheanamh, ni mi e.” “Bheirinnse dhuit” ars’ esan, “fìdeag a tho an so, agus fiosraichidh tu far am bheil Tòm na h-iùbhraich, laimh ri Inbhirnis, agus an uair a theid thu ann, chi thu creag bheag, ghlas, air an dara taobh dheth. An uair a’ theid thu a dh’ionnsuidh na creige, chi thu mu mheudachd doruis, ’us air cumadh doruis bhige air a’ chreig. Buail sròn do choise air trì uairean, ’us air an uair mu dheireadh fosgailidh e. Dh’fhalbh e, ’us ràinig e ’us fhuair e an dorus. Thubhairt an seann duine ris, “An uair a dh’fhosgailias tu an dorus, serimidh tu an fhìdeag, bheir thu tri seirmean oirre ’us air an t-seirm mu dheireadh,” ars’ esan, “eiridh leat na bhitheas stigh, ’us ma bhitheas tu cho tapaidh ’us gun dean thu sin, is fheairrd thu fhéin e ’us do mhac, ’us d’ ogha, ’us d’iar-ogha. Thug e a’ cheud sheirm air an fhideag. Sheall e ’us stad e. Shìn na coin a bha ’n an luidhe làthair ris na daoinibh an cosan, ’us charaich na daoine uile. Thug e an ath sheirm oirre. Dh’éirich na daoine air an uilnibh ’us dh’éirich na coin ’n an suidhe. Thionndaidh am fear ris an dorus, ’us ghabh e eagal. Tharruing e an dorus ’n a dhéigh. Ghlaodh iadsan uile gu léir, “Is miosa ’dh’fhàg na fhuair,” Dh’fhalbh e ’n a ruith. Thàinig e gu lochan uisge, a bha an sin, ’us thilg e an fhìdeag anns an lochan. Dhealaich mise riu.—Seann Sgeulachd. K. D. C Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts., agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 271] [Vol. 2. No. 35. p. 7] Turas a Mharaiche LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. ’N uair rannsaich Criosduidh cùrsa ’n t-soithich, fhuair e mach cho fad sa bha ’n seann duine air bòrd leo gu robh iad gu h-uaigneach air an tarruing le sruth os iosal dh’ionnsuidh creagan fodh shàl d’an ainm “creagan anatema,” far ’n do bhuail iomadh long lurach, agus chadh an long-bhristeadh. Seadh cha robh iad fathast cuibhteas cunnart. Dh’asluich e air na maraichean iad a bhi stuama agus caithriseach, maireannach ann an ùrnuigh, agus thairis air gach ni eile iad dhlùth lean ris an Tighearna le làn rùn an cridhe. Bha “creagan anatema” nis ro chunnartach do bhrìgh gu robh iad cuid a dh’uairean os cionn an uisge agus cuid fodha. Agus ni a’s iongataiche gu léir, cunnartach ’s mar bha na creagan agus lionmhor ’s mar bha na long-bhristean orra, cha robh choltas gu’n do bhuanaich maraichean na h-aon bhliadhna o challdachd na muanntir chaidh air thoiseach orra. Bha fathunn a dol gu robhas a cluinntinn, aig marbhantachd na meadhan-oidhche, fuaim binn os cesnn nan creagan chum bhi tàladh shoithichean chum an sgrios. Do ’n mheud ’sa bha mi-chùramach san uaig. neas, a cruadhachadh an cridheachan. thug an Tighearna seachad spiorad na suaine, sùilean chum nach faiceadh iad agus cluasan chum nach cluinneach iad. ’Nuair chuala na maraichean dia mòr an cunnart dh-ionnsuidh an tug a seann duine iad, bha iad air an irisleachadh gu mòr, agus bha Criosduidh air ardachadh nan sùilean. Leighseadh mise o chuing, le MINARD’S LINIMENT. Bay of Islads. I. M. CAIMBEAL. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LININENT. Springhill, N. S. Um. DANIELS. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY. Tha e air a radh gu bheil Amhainn St. Lawrence a bristeadh na deighe agus ’ga cur leis an t-sruth. Tha dùil ri i bhi fosgailte do shoithichean nas tràithe na b’ àbhaist dhi. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chur air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 272] [Vol. 2. No. 35. p. 8] ORAN. LE DONNACHADH BROCAIR. O, gur mis’ tha fo airsneal, ’S mi ri faire na broclich ud thall, ’S nach faìc mi tighinn an gaisgeach Le a lomhian chon ghasda air sraing, Leis na h-abhagan sgairtail A dheanadh an aisith sa charn, ’S leis na miol-chonibh seanga ’Bhuaìleadh speach air mac eilde nam beann. Gur a h-iomad oidhch’ anmoch A thug mise air sgairneach ’san tir, ’S bidh mi ’n nochd mar a b’ abhist Gun aon duine ri manran ruim fhin. Nam biodh fios aig mo nabidh Gu bheil mis ’an so ’n drasda ri strith, Cha bhiodh a cheum failneach, Bhiodh e agam am maireach le cinnt’. Cuim an cuirinn-sa coire Air an oigear ’s nach toilleadh e i, ’S gur mi fhin ’bhrisd a choìnneamh; Cha n-fheil stath dhomh bhi gearan no caoidh, Ged a dh’ fhuiling mi cruadal. Agus moran de dh’ fhuachd orm ga chinn, ’S mi gun leaba, gun chluasag, Ach na leacan fo m’ chruachan ’s mi sgith. Ach nan digeadh tu, Uilleam, ’S grad a thogadh tu ’m mulad so dhiom; Is sar ghiomanach gunn’ thu Leis an deanteadh an fhuil ann san fhrith, Bu tu leannan na gruagich Cho banail ’s cho suairc ’s tha ’san tir; ’S lamh a leagadh ’n fhir ruaidh thu, A chuireadh na h-uain oirnn gu dith. Tha mi fada bho aitreabh, Gun aon neach ’mi rium facal de chainnt, Ann an culaobh na beinne, ’N taobh mu dheas do Loch-Eireachd so thall, Ach na bidheam fo smuairean ’S mi ag amharc a suas ris gach aird, Ann an lagan beag uaine, Dh’fheuch am faic mi ’m fear ruadh ’tighinn air sgath. Dh’ fheuchinn ro bheagan caoimhneis Dhuit, a shionnich nan coilltean ’s nam frog, Nuair a ghlacinn an spainteach, A bhiodh feagarrach, lamhchar, fo ’n ord, Bheirinn toll air do leine, Nach leighiseadh leigh a tha beo, On ’s i ’n droch-bheirt dha ’n geill thu, Is nach faighear thu’ dh’ eisdeachd a mhoid. ’S iomad fear a tha ’m barail Gu bheil m’ aran-sa socrach gu leoir; Their gach aon a tha ’s tir rium Gur bu an fear an druim dhirich gach la. Ach nam faighinn seachd bliadhn ’iad A shuibhal nan crioch air mo lorg, ’S e mo bharail gun fhiaradh Cu bhoil pairt din a liath ’s iad og. Cha n-ionghn’ dhòmhs’ a bhi truagh dheth ’S a liuthad oidhche, fliuch, fuar, a thug mi. Ann am shineadh ’m bun bniaiche, ’S dian chur sneachda bho thuath orm gam chlaoidh, Gur h-e ’mheudich droch shunadh orm, Is a thanich a ghruag bharr mo chinn: Is mor m’ eagal ’san uair so Gun greas e gu uaigh mi roimh ’m thim, Thug mi tamull ’am oige, ’S bha mi amaideach gorach gu leoir; ’S fheudar aideach ’le naire, Gun robh mi bristeadh nan aithntean gach lo Ann an smuaintibh ’s am briathribh, Ann am miannibh, ’s droch ghniomharibh fos, An nis ’s mithich fas dia aidh Bho’n tha ’n aimsir a triall mar an ceo. Rugadh Donnachadh Mac-Griogair am Braighe Raineach. Bha e na bhrocair. Bha e a comhnuidh am Braigh’-Fasaidh. Bha e posda ri Sine, nighean Ailain Stuibhart am Bun Raineach. Chunnig mi a bhean aige, ach cha n-fhaca mi e féin. Bha Uilleam na ghille aige ag ionnsachadh na brocaireachd. Bha Uilleam ri tachirt air oidhche shonnrichte, ach rnnaig am Brocair an t-aite oidhche roimh ’n am. Is ann an sin a thoisich e air an oran. Rinn e iomadh oran. Bhiodh a phiuthar ri orain cuideachd. Rugadh mise sa bhliadhna 1800. Thanig mi do ’n duthaich so sa bhliadhna 1834. IAIN DOMHNULLACH A GLEAM-A-COMHANN. Idsan a Phaidh. Pàdruig Mac Amhlaidh, Glace Bay. An t-Urr. D, Domhnullach, Port Hastings. Kassie Kay Dhomnullach, South Cove. Iain Dùghallach, Longlaketon, N. W. T. Donnacha Siosal, Maplewood, N. H. An t-Urr. D. Mac Eanruig, Bheinn Ghorm, N. S. D. M. Mac-Ille-Mhaoil, Na h-Eileanan Coille, E. P. I. Uilleam Moireastan, Marion Bridge. R. I. Mac Gilleain, Stirling. Domhnull Camoran, An Amhainn a Deas, N. S. A. I. Mac Rath, an Amhainn Mheadhonach. Niall Mac Leòid, St. Ann’s. Eachunn Mac Nèill, Baddeck. Donnacha Mac Leoid, Baddeck, Mhòr. Iain Gillios, Milan, Que. Iain Domhnullach, Bay Road, C. Nor. Tearlach Kennedy, Amhainn Dheuis. An t-Urr. Iain Calder, Am Bai ’n Iar. P. D. Mac Nèill, Barra Head. Bean ’Ic Dhomhnuill, Eilean Pictou. Ceit Nic Nèill, Irish Cove. Donnacha Morieastan, New Harris. Dùghal Dòmhnullach, Gleann-a-Comhain. Tormoid Moireastan, Peveril, Que. Eilidh Dhomhnullach, Malagawatch. Aonghs Mac Neacail, Elliot’s P. O., P. E. I. Ma tha neach sam bith eile a phaidh ’s nach d’ fhuair creaideas, cuireadh e fios thugainn. Agus iadsan nach do phàiph cheana deanadh iad an dollar a chur air adhart gun dàii. ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 273] [Vol. 2. No. 36. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 31, 1894. No. 36. A Framboise. Thòisich M. D. Mac Coinnich a mhuinntir Grand River air teagasg sgoile againn bho cheann ghoirid; tha sinn fior thoilichte a’ sgoil bhi air a fosgladh le Murachadh, agus bho ’n tha e na dhuin’ og cliùiteach ’s na dheadh sgoilear, cha ’n ’eil teagamh nach faigh e air aghaidh gu math ’nar measg. Ged a bha a cheud chuid de’n mhios so gu bog blàth; ’s ann ’tha againn a nis coltas nam faoileach, le sneachda ’s le reothadh, ’s ma leanas an t-sìde mar sin mòran ni ’s faide bithidh iomadh duine ’san àite so gann gu leòr de bhiadh spréidhe, ach tha sinn an dòchas nach fhada gu am bi sneachda ’s am fuachd a toirt an casan leo. Tha iasgairean nan giomach gu trang a deanamh deiseil gu tòiseachadh air iasgach cho trath ’sa ’s urrainn daibh. Cha ’n eil a phrìs gu bhi cho math sa bha i ’n uiridh idir; cha ’n eil teagamh nach e iasgach gle bhuannachdail a th’ ann, ach tha lagh an iasgaich gu math teann air iasgairean ’s air luchd ceannach nan giomach, ged a dh’ fhaodar tòiseachadh air iasgach uair sam bith a mach bhuaithe so. Cha ’n eil dad is fhiach de ghiomaich ’gan glachdadh air na cladaichean so ro ’n a chòigeamh latha deug de’n t-samhradh agus cha ’n eil an lagh a ceadachadh giomach iuchrach na giomach a bhitheas fo ochd òirlich a dh’ fhad a ghlachdadh agus tha aca ri sgur de’n iasgach air a choigeamh latha deug de Iulaidh ach faodaidh e bhi le iarrtus a chur a dh’ ionnsuidh luchd-riaghlaidh an iasgaich gu faigh iad cead iasgach gus a cheud latha de’n fhoghar; ach ’n is faide na sin cha ’n fhaod iad, agus a chum na criche sin tha maoir air an òrduchadh an sud ’san so a measg nan iasgairean a chuireas càin air neach air bith a gheibheir a briseadh air an achd. Beagan bhliadhnaichean air ais bha triùir iasgairean faisg air so a thòisich iad féin air cuir suas ghiomach an déigh an am òrduichte. Thainig na maoir orre gu’n fhios agus rugadh air fear aca, ach a chionn nach robh ni aige leis an dioladh e chàin leig iad as e. Fhuair an dithis eile teicheahdh ach bhrist na maoir an goileadair a bh’ aca ’bruich na giomach na phiosan beaga agus an sin chuir iad an tigh ra theine leis gach ni bh’ ann. CEANN LIATH. Litir a Baile na Prise. A Charaid,—Tha mi a faotainn do phaipeir measail Gàilig an tràs ’sa ris o m’ choimhearsnach taobh eile na sràide. Chuir e impidh orm ’n uair a leubhainn e, litir a chur thugad o’n bhaile bheag a tha ’n so. Faodaidh do leughadairean bhi farraid c’àit am bheil Baile-na-Prise? Innis thusa dhaibh gu bheil e air a shuidheachadh an taobh deas siorramachd Ghrey, ann am mòr-roinn Ontario, far am beil mòran de Ghàidheil a cruinneachadh air amannaibh àraid. Tha’m baile beag so air a chuartachadh le Gàidheil; cha mhor nach iad a th’ ann air fad. Tha ann Ileich, Muileich, Tirisdich, Uidhistich agus mar sin sìos, daoine còire, gasda. Tha Gàilig air a searmonachadh gach maduinn latha Sàbaid ann an eaglais nam Presbyterianach leis an Urr. Domhnull Mac Leoid fear de mhinistearan Ghlinn-Garraidh. A bharrachd air Presbyterianich, tha Catlaicich, Baisteich, Methodaich us Deisciobuil. Is coma de’n t-ainm a bhitheas òirnn ma tha sinn de’n eaglais fhior. Bha ’n geamhradh so a tha seachad gu math fuar. Dh’ fhalbh an sneachda uile toiseach a Mhàrt, ach tha e coltach gu faigh sinn beagan dheth fhathast. Tha sinn gearain an so, mar thatar ’sa ch-uile àite eile, air timeannan cruaidhe, ach cha’n eil againn ach bhith stri ris a chuid a’s fhearr a dheanamh dheth. Cha’n eil an còrr agam ri radh aig an am so; faodaidh a bhith gu’n sgriobh mi a ris ann an ùine ghearr ma’s fiach mo sgriobhadh àite thoirt da. Tha mi an dochas gu’n gabh do leughadairean mo leisgeul air son cho dona ’sa tha so air a chur an òrdugh. Cha do sgriobh mi mòran Gàilig riamh, agus mar a thuirt an sean-fhacal, “cha dean duine don’ ach a dhichioll.” GLEANN-SEILG. Gradh agus Sonas. Cha ’n ’eil nì sam bith ni’s fhuas ’s an t-saoghal na ’bhi sona, n’an smuainicheadh sluagh air. Cha ’n ’eil ann an Sonas ach ainm eile air Gràdh. Far am bheil Gradh ann an teaghlach, an sin, mar an ceudna, tha sonas, eadhon ged robh airc agus éigin ’n a lorg. Air an Laimh eile, far nach eil Gradh, ged robh e ann an lùchairt, cha tig Sonas a chaoidh. Is mearachdach an tì a thubhairt, “An uair a thig Bochduinn a stigh air an dorus, theid Gradh a mach air an uinneig.” Cha teid idir, oir tha’n fhirinn air an dòigh eile. An uair a thig Bochduinn a stigh air an dorus, cha teich fìor Ghradh idir, ’s e nach teich, ach seasaidh e gu treun, daingean, agus cuiridh e an cath gu cruaidh an aghaidh gach namhaid. Iadsan a ta ’gan smuaineachadh fein truagh, rannsaicheadh iad am bheil Gradh n’an cridheachaibh fein, mu’m faigh iad cron do neach no do nì eile. Fosgailidh beagan bhriathra gradhach, taitneach, tlà, an t-slighe chum tuilte soluis a bhoillsgeadh a steach do ’n tigh a rinneadh dubh, dorcha le tiugh-neulaibh na h-aisith agus a’ bhuaireis! Thainig am Màrt a stigh gu ciùin briagha agus bha dearbh choltas an earraich air a cheud seachdain no dha, ach dh’ atharraich an t-sìde gu mòr agus tha i fuar greannach gu leòr ’sna lathaichean so. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. [TD 274] [Vol. 2. No. 36. p. 2] AM MUILLEAR CAN AGUS AM BALBHAN. LE IAIN. O CHIONN mòran bhliadhnaichean thachair dròbhair Albannach agus dròbhair Sasunnach uair is uair ri’ chéile aig aon de na feilltean-cruidh an àit’ eiginn faisge air crioch Shasuinn. Ann an ùine ghoirid dh’ fhàs iad gu math eòlach air a cheile, An uair nach biodh mòran aca ri dheanamh bu ghnàth leotha suidhe taobh ri taobh gu còmpanta, a’ còmhradh ri’ chéile, a chum an ùine ’chur seachad mar is gnàth le luchd-malairt a bhith ’deanamh. Coma co dhiu, latha de na làithean ’s iad an déigh glaine no dhà am fear a ghabhail de stuth bu treise na ’m bùrn, thionndaidh an seanachas air dòigh-éiginn o ghnothaichean na feille ’s na prìse, agus o gach ni eile air am b’ àbhaist dhaibh a bhith’ labhairt gu gnothaichean a bhuineadh do chor na dùthcha is do chleachdadh nan daoine o’n d’ thàinig iad taobh air thaobh. Thòisich an Sasunnach, mar a b’ àbhaist d’a luchd-dùthcha ’dheanamh, air ruith sìos agus air dimoladh nan Albannach, ag ràdh nach robh annta ach cladhairean, agus daoine gun sùgh, gun seadh, gun eanchainn, gun tuigse, gun ghliocas, agus nach robh iad idir ri bhith air an coimeas ann an geur-chuis, no ann am fiosrachadh, no ann an tuigse, no ann an eòlas, no ann an breithneachadh, no ann an grunndalachd-inntinn ris na Sasunnaich. Sid rud nach aidicheadh an t-Albannach fhad ’s a bhiodh an anail ann. “Cha robh duine riamh an Sasunn agaibh,” ars’ esan, “nach fhaighteadh fear an Alba’ sheasadh ris agus a bheireadh buaidh air anns na h-uile dòigh; agus cha tig an latha ’bhios a’ chùis air a chaochladh. Faodaidh tusa ’bhith ri bòsd ’s ri meud-mhòir mu na h-euchdan a ni na braoghairnich bhronnach, theilleach, a th’ agaibh an Sasunn; ach cha d’ thàinig iad riamh a dh’ fheuchainn nan Albannach nach do thill iad dhachaidh mòran ni bu mhiosa na thàinig ad. Agus dh’ éireadh an ni ceudna dhaibh an diugh nan tigeadh iad”. “An cluinn thu so,” ars’ an Sasunnach, ’s e ’fàs rudeiginn blàth, “tha balbhan a’ fuireach ’s a’ choimhearsnachd agamsa, agus cuiridh mi geall sam bith riut nach fhaigh thu mac màthar an Alba a fhreagras aon cheisd, no a dh’ fhuasglas aon dubh-fhacal a chuireas am balbhan air. Tha iomadh fear glé ghleusda agus glé thuigseach de na Sasunnaich fheìn an déigh deuchainn a chur air mar tha, agus ma tha, cha b’ urrainn daibh ite a chur as. Agus tha mise ag ràdh riutsa, an latha nach deanadh na Sasunnaich a’ chùis air nach ruigeadh na h-Albannaich a leas a dhol g’ a fheuchainn.” Dh’éisd an t-Albannach le fior mhi-chiataibh ris na briathran searbha so, agus ged a dh’ éisd bha e cho fada ’na bharail fhéìn ’s a bha e riamh. Chuimhnich e aig a’ cheart àm gu robh maighstir-sgoile ’s a’ sgìreachd do ’m buineadh e, a bha ’na sgoilear ro thapaidh, agus a bha ainmeil ’s an dùthaich air son a gheur-chùis agus a ghleusdachd. Bu duine e aig an robh fuasgladh facail aig gach àm do gach neach a chuireadh ceisd air. Smaointch e gu rachadh aig a’ mhaighstir-sgoile so air gach ceisd leibidich a chuireadh am balbhan air ’fhuasgladh, agus air eagal a dhol air ais ’na fhacal, is e’ thàinig as a’ chùis mu dheireadh, gu’n deachaidh an geall a chur sìos. Chuir gach fear luach a dhròbh fhein air a’ gheall. Dh’ ainmich iad latha sònraichte air an coinnicheadh iad ann an baile Dhuneidionn, a chum gu feuchadh na fir a bha gu tighinn a chosnadh a’ ghill cò aca bu chumhachdaiche inntinn. Dh’fhàg iad slàn aig a chéile, agus dhealaich iad. Bha an Sasunnach ’g a dheanamh fhéin cinnteach as a’ gheall; oir cha robh earbsa sam bith aige ann an gleusdachd nan Albannach. Ach bha ’n t-Albannach ann an teagamh mu ’n chùis fad an rathaid dhachaidh. Chuir e suim mhòr air a’ gheall, cha b’ ann a mhàin a chionn gu robh làn-earbsa aige ’s a’ mhaighstir-sgoile, ach air eagal tilleadh as ’fhacal an déigh mar a labhair e an aghaidh nan Sasunnach. Smaoinich e nach robh leasachadh air a’ chùis ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a dheanamh de’n bheairt ’bu mhiosa. Bha aon ni ann a bha ’n còmhnuidh ’ga mhisneachadh, agus b’e sin, nach robh cunntas aige gu’n d’ fhuair na Sasunnaich riamh, air aon dòìgh no dòigh eile, buaidh air na h-Albannaich. Cha bu luaithe a ràinig e dhachaidh na chaidh e far an robh am maighstir-sgoile, agus dh’ innis e dha facal air an fhacal mar a bh’ eadar e fhein ’s an dròbhair Sasunnach; mar a chaidh an geall a chur, agus gur esan an neach a bha ’san amharc aige fad na h-ùine, mar an t-aon duine bu fhreagarraiche a b’ aithne dha gu dhol a dh’fheuchainn a’ bhalbhain; agus thuirt e ris gu robh e an dòchas nach diùltadh e dhol do Dhuneidionn an uair a thigeadh an t-àm. “Ma ta,” ars’ am maighstir-sgoile, cha d’ rinn sibh car riamh cho gòrach ris a’ gheall a chur. Caillidh sibh e gun teagamh sam bith. Cha teid mise, cha ’n ’eil feum dhomh ann, a dh’ fheuchainn an duine. Nan saoilinn gu’n deanainn an gnothach air rachainn g’a fheuchainn cho toilichte ri car a rinn mi riamh. Ach chuala mi uair is uair mu ’n duine cheana, agus a réir choltais gur ainneamh iad, ma tha iad idir ri am faotainn a ruigeas a leas dùil a bhith aca gu faigh iad buaidh air. Ged a rachainnsa g’a fheuchainn cha deanainn ach amadan is ball-bùird dhiom fhein ’san dùthaich. Tha mi, air a shon sin ro dhoilich sibhse ’chur a leithid a dh’ earbsa annam a thaobh ni nach urrainn domh air aon chor a leasachadh. Ach cha teid mi a muigh no ’mach a chur mo làimhe ann an ni a tha fhios agam nach uraainn domh a dheanamh. An uair a chual’ an dròbhair so thuit a chuid ’s a ghad air, agus cha robh smid sìos no suas aige, chaill e ’thapadh. Cha b’ e call a’ ghill, ged a bha ’n t-suim gu math mòr, a bha ’cur dragh air an inntinn aige, ach a bhith ’smaoineachadh gu’n gleidheadh Sasunn a’ bhuaidh, agus gu ’m biodh Alba fodha dheth. Ach a reir choltais cha robh ann da ach a’ chùis a ghabhail mar a bha i. Cha ghabhadh an gnothach leasachadh tuilleadh. Bha duine tapaidh ’na mhuillear ’s an àite, a chaill an dara sùil le tubaist air chòireiginn. Is e am Muillear Cam a theireadh muinntir an àite ris. Bha e ’na duine aig an robh fuasgladh facail do gach neach a labhradh ris. Ach cha robh a’ bheag de sgoil no de dh’ fhòghlum aige. Bhiodh an dròbhair uair is uair a’ taghal air. Latha de na laithean ’s iad air tachairt ri ’chéile, thuirt am muillear. “Cha chreid mi fhéin nach ’eil rud-eiginn a’ cur dragh air bhur n-inntinn; oir tha mi ’cur umhail gu bheil sibh ro throm-inntinneach agus ro ghann de chòmhradh seach mar a b’ àbhaist dhuibh a bhith. Mur ’eil e mìmhodh- [TD 275] [Vol. 2. No. 36. p. 3] ail dhomh ’fhaighneachd,” Ciod a tha ’cur oirbh? “Ma ta,” ars’ an dròbhair, ged a dh’ innsinn mo ghalair dhuibhse tha eagal orm nach bi dad agam air a shon ach mo shaothair. Dh’ innis mi e mar tha do neach a tha mi ’meas a h-uile buille cho glic ’s cho tuigseach ruibhse agus cha mhòr a bh’ agam air a shon. Mar sin tha e cho math dhomh a chleith.” (Ri leantuinn.) MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. B’ é an t-Urramach Doctair Lang ceann-suidhe na h-Eaglais Stéidhichte, agus an t-Urramach Doctair Mac Ille Ghobha Ceann suidhe na h-Eaglais Shaoire, dithis cheatharnach anns an diadhachd ged a thà iad, ann am beachd cuid de na Gàidheil, air an tabhairt do bheachdan sgaoilte air a a Bhìobull. Chuir é ionghadh orm a thabhairt fanear gun robh na h-ùrnuighean air toiseach gach seirbheis air an leughadh le Mac Ille Ghobha agus gu robh e a’ criochnachadh na h-uile ùrniugh le ’bhi a’ gabhail ùrnuigh an Tighearna. B’ é am bliadhna Iubili na h-Eaglais Shaoire, agus bha na h-uile ullachadh air a dheanamh gus an t-àm a dheanamh comharraichte. Bha teachdairean urramach as gach cearna de’n domhain a giùlan gean math gu Eaglais a rinn moran air son an t-saoghail a cheartachadh. Bha Innseanaich is Africanaich, ’daoine buidhe is geal, dubh is lacann ann air an do shaoithrich Dia le ’ghràs. Bhà é taitneach thar tomhas, a bhi g’ am faicinn agus ag éisdeachd riu. Cha robh e furasda do chuid dhiubh am beachdan a dheanamh aithnichte oir cha robh a Bheurla ro dheiseil dhoibh, agus bu cho furasda godail na faoileag a thuigsinn ri ’n cainnt féin. Is i an òraid a b’fhearr a chuala mi aon a bha air a liubhairt ann an Gàidhlig le fear Murachadh Macilleòid ceisteir a mhuintir Leòghis. Dh’innis é naigheachd air an Dealachach (Disruption) ann an Sgìr nan Loch a tha airidh air a cumail air chuimhne. Bha Coinneach Ros agus e féin air ceann a cho-thionail agus am ministeir aig an Ard-Sheanadh. Thuirt Mr. Ros ris a cho-thional gu’n robh fios aige gun do dhealaich na ministearan saora ris an Eaglais agus mar sin gum fàgadh iad-san an dùn chlach ud as an déigh. Dh’ éirich an sluagh gu h-iomlan a mach agus air an latha sin bha ’n t-seirbheis air a cumail air an raon. Bhiodh e iomchaidh aig an am so de m’ thuras iomradh a thoirt air Baile Mòr Dhunéidinn le a chaisteal aig am bheil eachdraidh cho ro iongantach, agus le a ghunnaichean mòra a tha cho pròiseil ag cur am beul ris gach taobh de n’ bhaile agus a muigheadh ma thig Frangach no Ruiseanach an asdar mhìlltean dhoibh gun cuir iad na h-eanachainnean asda. A thaobh agus nach robh agam ach uine bheag r’a chaitheam ann, dh’ fheuch mi ris na h-uidhir de ’n bhaile agus do na càirdean fhaicinn ’s a bha na m’ chomas. Ghabh mi sgriob sios air Sràid a Phrionnsa agus bha gneadhnachas agus riomhachas na sràide sin ullamh air dearg amadan a dheanamh do neach. Mur biodh gu ’m faca mi beagan dhe ’n t-saoghal roimhe, bhithinn ’an cunnart a bhi air mo ghiùlan air falbh mar a bha Gàidheal eileanach roimhe aon uair air dha cuairt a thoirt do dh’ Ionarnis. ’Nuair a chaidh e air ais bha e ’g innseadh do aon de’ chompanaich gu’n robh esan ann an baile anns an robh na h-uile firionnach na ’m ministeirean. Bha am ballach bochd a’ smuaineachadh rach robh fear air am biodh ad mholach ach ministeir. Bha air an t-sràid sin sluagh as gach cearn de’n chruinneadh—Ameireacanaich, Frangaich, Eadailtich, Gearmailtich, Turcaich, Afrieanaich agus Innseanaich agus Shinaich. Chiteadh an trath ’s a ris an Gàidheal na ’m measg leis an fhéilleadh bheag agus a chalapannan mòra air an comhdach le stocuinnean breaca agus stiallach, agus mu chosan brogan bucallach. Bha an latha breagha agus bha lainnir airgid agus òir na’m buthaintean air an daramh laimh, agus gàradh nòineanan dhe gach seòrsa ’s dath air an laimh eile, maille ris na h-uidhir do dhùin chuimhneachain a stri air son m’ aire agus mo mholadh. Bheir mi ’n urram do Shraid a Phrionnsa ’an Duneideann air son maise agus riomhachais thairis air sràid sam bith eile ’s an t-saoghal. Thug mi ceum air m’ fhiaradh suas air sràid Hanover agus thaghail mi air a Ghaidheal mheasail Dunnachadh Dòmhnullach a Cilean Thanansaidh ’s na h-Earradh. Tha bùtha mhor tàilleireachd aige air an t-sràid sin agus tha rainn mhòr do chòmhdach ’n am ministeirean ’s a Ghàidhealtachd air an deanamh innte. Ghabh e mo thomhais agus rinn a thàilleirean deise shanasda dhomh. Air an fheasgar sin bha mi aig biadh frasgair maille ris mi féin agus ministeir Arcach. Bha feasgar toilichte againn, an t-Arcach ag innseadh naigheachdan a dhùthcha dhuinn agus mise ’toirt naigheachdan Gàidheil Chanada dhoibh. Bho na dh’ fhòghlum mi o ’n fheasgar sin cho-dhùin mi gur e Canada an déigh na h-uile cùise àite is fearr air son beò-shlàinte do n’ Ghàidheal. (Ri leantuinn.) Leighsidh Minard’s Liniment ghoirt C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 276] [Vol. 2. No. 36. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna,- - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 31, 1894. Bha cuid d’ ar càirdean re na seachdain a chaidh seachad a feòrach dhinn ciod an seòrsa cuideachd a bha sinn a feuchainn ri chur air chois air son am MAC-TALLA chur air bonn ceart. Faodaidh sinn a radh gu’r e ’n seòrsa ris an canar Joint Stock Company a bha againn ’san amharc. Bidh còig mile dollar ($5000) de Chalpa, no de chapital aig a chuideachd so, air a roinn na chòig ceud share, deich dollar ($10.00) anns gach share. Faodaidh neach aon, dha, tri, còig deich no dusan share a ghabhail. ’N uair bhios a chuid a’s mò de’n chalpa mar so air a ghabhail bidh a chompany deiseil gu dhol a dh’obair. Ni iad a mach de ’n t-suim a bhios a dhith orra agus leagaidh iad an t-suim sin orra-san aig am beil shares, an aon uiread air gach share. Abramaid gu bheil eòig ceud share air an gabhail, agus gu bheil còig ceud deug dollar ri thogail; rachadh an sin tri dollar a chur air gach share, ma tha da share aig neach, bi’dh sia dollar aige ri phàigheadh, agus mar sin sios. Ach cha dig air am feasda dhol thairis air na deich dollar. Faodaidh e na deich dollar a phàigheadh nuair a ghabhas e share, ’s ma ni e sin cha chuirear dragh air tuilleadh, ach aig ceann gach bliadhna ma bhios buannachd sam bith ann gheobh e a chuid fhéin dhith. Air an laimh eile ma ’s ann a phàighear an t-airgiod mar a chuirear feum air, bi’dh e cheart cho buannachdail, agus theagamh na’s saoire, oir a mach o’n cheud bhliadhna dh’ fhaoidte nach bi feum air cis sam bith a leagail air na shares. Tha sinn a cur so fa chomhair càirdean a phaipeir, oir tha fhios againn gu bheil iad uile fior dheònach air a chumail suas, agus gu bheil mòran dhiubh toileach air share a ghabhail ann air sgàth na cainnt uasail a tha e ’ghnàth a cur an cleachdadh. Cha’n eil teagamh againn nach cluinn sin bho aireamh dhiubh ann an uine ghoirid, agus gu’n dean iad còmhnadh leinn, air chor ’s gum bi nar comas am paipear a mheudachadh agus a neartachadh, agus a chraobh-sgaoileadh am measg nan Gàidheal, ge b’e cearna dhe’n domhain ’sam bheil iad a còmhnuidh. Cha’n eil duine ceart anns an duthaich so air nach cuir e duilichinn mhor fhaicinn cho salach ’sa tha na paipearan naidheachd le politics, agus nach ann idir a dol na’s fhearr a tha iad. Cha’n eil ach fear ainneamh dhiubh nach eil air aon taobh no air taobh eile, agus ma shaoileas iad gu’n téid aca air buannachd sam bith a dheanamh do’n phàirtidh da’m beil iad nan seirbheisich, cha sheall iad ri ceart no ri còir; cha bhi sgaineal air bith tuilleadh us salach no sgeul air bith tuilleadh us beag tùir air son a bhi air a craobh-sgaoileadh air feadh na dùthcha. Cha’n fhàg iad clach gun tionndadh air son a thoirt a chreidsinn air an luchd-leughaidh gu bheil am pàirtidh féin cho glan ’s cho neo-lochdach ’s a b’ urrainn a bhith, agus gu bheil a phàirtidh eile air chaochladh sìn. Tha e gle fhior mu chuid dhiubh gu bheil a leithid a dh’ urram aca do’n fhìrinn ’s nach gabh iad ’nam beòil i ach uair gle àinneamh. A nis, cha’n eil so idir ceart; is e priomh dhleasanas nam paipearan naidheachd fiosrachadh agus eòlas a chraobh-sgaoileadh am measg an t-sluaigh: ’n uair a tha iad a deanamh sin tha iad aig an obair dhligheach féin agus ’s mòr is fheairde dùthaich an leithidean a bhi ann; ach ’nuair a thionndaidheas iad an rathad eile ’s a theid iad a chamadh na firinn air sgàth buannachd dhaibh féin no dha’m pàirtidh, tha iad fada, fado o bhi ’nam beannachd do dhùthaich. Tha fhios aig na h-uile thug smuain riamh do’n chùis, nach eìl na pàirtidhean a tha còmhstri mu riaghladh na dùthcha so cho olc sa dh’ fhàgas iad air cach a cheile. Tha daoine anns gach pàirtidh a b’ fhearr a bhi as daoine nach eil ’nan cliù no ’nan neart do phàirtidh sam bith, ach tha iad tearc ann an àireamh agus tha sinn a creidsinn gur ann a dol na’s teirce tha iad a dol gach bliadhna. Tha, air an laimh eile, anns an da phàirtidh, daoine fìrinneach, onarach, tuigseach, dìleas, nach rachadh ceum bhar an rathaid air am bheil an dleasanas ’gan seòladh air son brìb no buannachd shalach sam bith. Iadsan, uime sin, a thilgeas clach air duine dhe’n t-seòrsa sin a chionn nach eil e de’n aon bheachd riutha féin, no dh’ fhàgas air duine sam bith gu bheil e ni nach eil e no gu’n d’ rinn e ni nach d’ rinn e, cha’n eil iad a toilltinn meas no urram o dhaoine eile. Tha e ro taitneach ri fhaicinn gu bheil sluagh na dùthcha so a cur an luach is còir dhaibh air an t-seòrsa sin agus nach eil iad idir cho titheach air a bhi ’g éisdeachd rinthasan sa tha iad air bhi cluinntinn uathasan a labhras an fhìrinn agus a dh’ fheuchas ri ’m beachdan atharrachadh le puincean cearta dìreach. NAIDHEACHDAN. Chaochail Louis Kossuth anns an Eadailt air an t-seachdain so chaidh. Chaidh adhlacadh Dior-daoin s’a dh’fhalbh, ann an Hungary tir a dhùthchais. Chaidh fear Aonghas Gillios a mhuinntir Shidni a chur an sàs o chionn ghoirìd air son bocsa bhrogan a ghoid, agus chaidh a dhiteadh aig a chùirt Di-mairt s’a chaidh, agus fhuair e da bhliadhna ’s tri miosan dhe’n tigh-oibreach. Tha fios a Columbia Bhreatunnach ag innse mu bhàs Dhomhnuill ’Ic Leòid, duin’ òg a mhuinntir an eilein so. Cha robh e tinn ach beagan làithean. Tha a mhàthair agus bràithean us peathraichean dha a comhnuidh anns a bhaile so. Bha rioghachdan na Roinn-Eòrpa o chionn iomadh bhiadhna a còmhstri ri càch a chéile ann an cur an cuid armailtean ann meud. Ach a nis tha e gle choltach gu bheil iad a faicinn gad bu mhath an ceol sin gu’m fòghnadh beagan dheth. Thug an Eadailt a cheud cheum air a h-ais agus a réir na tha sinn a cluinntinn tha Austria, a Ghearmailt, agus eadhon Ruisia a dol a leantuinn ’na luirg. Tha iad uile mar gum biodh toil aca an t-sìth a ghleidheadh. [TD 277] [Vol. 2. No. 36. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh seann stòr aig na “Barracks” a chur na theine Dior-daoin s’a chaidh ach chuireadh as e le beagan dragha. Bha treud ghillean a’ chuich mu’n cuairt, agus tha e air fhàgail orra gu’m b’ iad a las an teine. ’S e so aon de na togalaichean a’s sine ’tha ann an Sidni. Tha pàrlamaid Chanada a nis aig obair. Tha iad an déigh atharraichean matha dheanamh thaobh na cìse thatar a leagail air nithean àraidh. Tha ’n siùcar maile ri nithean eile ri bhi air a leigeil do’n dùthaich na’s saoire na bha e roimhe so, agus tha àireamh mhath de nithcan air nach bi cìs idir an déigh so. Fàgaidh so iomadh ni na’s saoire na bha iad. Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal. a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873? Tha moran sluaigh anns na Stàitean gun char oibreach aca ri dheanamh. Dh’ fhalbh mu choig ceud dhiubh a baile ann an Ohio o chionn ghoirid ’s iad a dol a chur an gearain air beulaobh an t-Seanaidh. Bha iad an dùil mu’n ruigeadh iad Washington, ceann bhaile na dùthcha, gum biodh an àireamh suas ri da cheud mile. An àite sin ’sann tha iad a dol na’s lugha, agus cha’n eile mor chòltas orra gu ruig iad an ceann-uidhe idir. Chaidh fear Seumas Brown a chur an sàs ann an New York an latha roimhe air son a bhi pòsadh tuilleadh us tric. Bha sia mnathan fichead aige ann an Stàit Mhichigan, agus dh’ fhaoidte uiread eile sin air fad ’s air leud nan Stàitean. Bha roinn mhath dhiubh làthair nuair bhatar ’ga fheuchinn. Thug am breitheamh dha sia bliadhna dhe’n tigh oibreach. Thug an t-Urr. D. Mac Eanruig, ministeir na Beinne Guirme òraid Ghàilig ann an Nuadh Ghlascho oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha àireamh mhor a làthair ag éisdeachd le ro aire ris an òraidiche a labhairt mu bheatha ’s mu shaothair Iain Knox, agus bha na h-uile lan riaraichte leis na thug e dhaibh. Tha a Ghàilig beò fhathast! Dh’ fhag duin’ òg de’n ainm Le Blanc Arichat am la roimhe gus a dhol dhachaidh gu Descousse. Cha d’rainig e cho luath ’s bu chòir dha agus chaidh daoine mach ’ga iarraidh. Fhuair iad e an ath latha anns a choille; agus e air a chlaoidh cho dona ’snach robh e beò ach ùine ghoirid. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Giliag. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 278] [Vol. 2. No. 36. p. 6] Adhlaicean Ann An China. LE SGIATHANACH. Do bhrigh nach ’eil aig muinntir China dochas an taobh thall de ’n uaigh, tha iad a’ deanamh caoidh gun choimeas as leth an cairdean a’s dillse an àm doibh am bas ’fhaotainn. Tha gach ni ’g a dheanamh le riaghailt eagnuidh. Tha ’n ùine, agus am modh, agus meud amhghair an ti a ta fo bhron, air an sonrachadh gu cùramach. Tha an corp, air da a bhi air a chomhdachadh le sgeadachadh maiseach, air a chur ’n a shineadh ann an ciste laidir, far am bheil e air a ghleidheadh air uachdar na talmhainn re aireimh sonraichte laithean, chum gu’n silear na deòir gu frasach thairis air. Tha na cairdean an sin ’g an suidheachadh fein mu’n cuairt do ’n chiste, a’ deanamh mor-chaoidh le bas-bhualadh, le ’m folt air a sgaoileadh, le sac-eudach agus le bhi ’cur am beoil ’s an duslach. An uair a roghnaichear aite freagarrach air son na h-uaigh, tha i air a cladhachadh gu domhain, agus tha ’chiste air a leagadh sios gu tosdach an lathair nan uile. Tha ’n t-aite an sin air a chomharrachadh le tuam riomhach, air chumadh crudh eich, a bhi air a thogail thairis air, agus ainm an ti a chaochail air a ghearradh a mach ann an litrichibh soilleir. A thuilleadh air so uile, tha clar-cuimhne air a chur suas ann an talla nan sinnsear aige, agus dh’ ionnsuidh sin thig iad gach bliadhna chum iad fein ùmhlachadh an lathair tainnisg nam marbh. Tha iad, aig gach am air an tig iad ag ullachadh loin iomchuidh chum ocras nan spiorad nach fhaicear leo a shasuchadh, air doibh a bhi ’deanamh a mach gu’m fannuich na spiorad sin, mur bi iad mar so air am beathachadh. Tha iad anns na teampullaibh aca, a’ toirt urraim le ’n uile dhurachd do na mairbh. Chum solar a dheanamh air an son, agus chum gach uireasbhuidh a bhuineas doibh a shasuchadh anns an ath shaoghal, tha iad a’ losgadh paipeir a’ dealradh le h-or, agus mar an ceudna, a’ cur thighean agus charbadan, a rinneadh le paipeiribh oirdheirc, ’n an teine, anns a’ bharail gu ’m bi iad sin uile air an cruth-atharrachadh ’s an ath shaoghal chum airneis iomchuidh a dheanamh do na tainneasgaibh a tha gun fhuil gun fheoil ann an saoghal nan spiorad. Tha am paipeir oir air a thionndadh air an taobh thall do ’n uaigh gu airgiod freagarrach air son feum spiorad nam marbh! Mar a’s aird’ ann an inbh an ti a gheibh ba ’s ann is faide a neithear caoidh air a shon. Tha ’n t-Impire ri caoidh re thri bliadhna air son a pharanta fein, agus tha gach deagh iochdaran a’ leantuinn ’eiseimpleir-san. Tha na h-uachdarain a’ toirt thairis an dreuchd ri am na caoidh’ ’tha na daoine foghluimte a’ sgur dhe ’n rannsachadh a mach, agus tha na daoine cumanta a’ cur an oibre gu taobh! Is muladach a bhi ’smuaineachadh air saobh-chrabhadh cho cianail ri so; agus tha e ’n a aobhar taingeileachd dhuinne, gu ’n do thilg an Ti a’s airde ar crannchur ann an tir far am bheil solus Greine na Fireantachd a fogradh an tuigh dhorchadais sin air falbh, agus far am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum soluis le Soisgeul siorruidh na sithe!— An Gaidheal, 1873. Leighseadh mise o chuing, le MINARD’S LINIMENT. Bay of Islads. I. M. CAIMBEAL. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LININENT. Springhill, N. S. Um. DANIELS. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY. ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. Leighseadh Minard’s Liniment Breac. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 279] [Vol. 2. No. 36. p. 7] Breamas an t-Suiridhiche. Bha suiridhiche àraidh ’s na criochan so leis ’m bu mhiann a bhi aig na h-uile coinneamh a bhiodh aig na h-igheanan. ’Se mac duin’ uasail a bh’ ann. Bha ann an àit àraidh pios math air astar teaglach de nigheanan, agus aon oidhche chruinnich nigheanan na coimhearsnachd còmhla riutha. Chuala an suiridhiche iomradh air sin. ’Nuair a chaidh ’athair a chadal, sgeadaich se e féin, chuir e each ann am bugaidh is dh’ fhalbh e ’gan amharc. “Chaidh mi shuiridh air nighin Bhòidhich, bharr-fhinn, bhuidhe, ’Sann a phill mi rithist Mar gu’m bithinn faoin.” Bha greadhnachas, aighear, sùgradh agus cleasan ann an uair a ranaig an suiridhiche, an déigh dha dhol sia no seachd a mhìltean. Tha cuid ag ràdh rium gu’m b’i oidhche shamhna bh’ ann. Bha cuid dhe na h-igheanan ri fuaigheal, agus cuid eile ’n déigh a bhi mighe léintean geal anairt. Coma co dhiu thug iad a dheagh shuipeir do’n aon fhleasgach a bh’ aca, agus an deireadh na h-oidhche, dh’ fhalbh e dhachaidh agus chaidh e chadal. Dh’ éirich ’athair tràth ’sa mhaduinn agus e dol air thurus. Air dha bhi cur air dòigh a bhugaidh fhuair e fodh ’n t-suidheachan na léintean a bha na h-igheanan a mighe, agus iad fhathast fliuch. Chuir e stigh air an dorus iad ag radh, “an robh àit idir agaibh dha ur cuid léintean ach am bugaidh.” Ach thuig an suiridhiche gu math nach buineadh iad do’n tigh idir. “Mile marbhaisg air an t-suiridhe ’S bochd le neach do’n téid i iomrall Fàgaidh i inntinn fo iomaguin, A’ gluasad cho simplidh ri meairleach. Cha robh toil aige gu’n goirte meairlach dheth, agus uime sin dh’ fhalbh e dhachaidh gu bog socharach leis na léintean. Sin agaibh an sgeul mar chuala mis i. F. A. K. D. C Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c., ’s iad uile gle saor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 280] [Vol. 2. No. 36. p. 8] GUR H-I BEAN MO GHAOIL AN SPAINTEACH; Oran Eadar Sealgair agus a Ghunna. S.—Gur h-i bean mo ghaoil an Spàinteach ’Ghléidh mo nàire rium ’s mi ’m aonar, ’Nuair ’thàrlaidh dhomh bhi ’nam éiginn, ’S mi ’chuideachd ort fhéin ’san aonach. G.—Ni mise di chioll, ma ’s àill leat, A thoirt abhachd dhuit mar dh’ fhaodas; Dean-sa gniomh cho math ’s is àbhist, ’S chan iarr mi gu bràth do chaochladh. Theirig-sa mu ’n cùl gu h-éolach, ’S na bi deònach air am fuadach; Sir a ghaoth is roinn an talamh, ’S thig neo-aineolach mu ’n cuairt dhaibh; Laigh gu h-eòlach air an t-socair, ’S leig iad ort mun cuir thu suas mi; Sméid a chorrag ’s caog an t-sùil rium, ’S bheir ni ’lùths o fhear an nuallain. S.—Beannachd dhuit airson do gheallidh, ’S mor mo thomad dhe do sheanachas; Gur a tu mo leannan falich Ann sa ghleannan ’s am bi ’m farbhas, Ghléidh mi roimh’ a feachd an righ thu, ’Nuair a thog iad cis na h-Alba, ’S dh’ altauim mi le baigh is mùirn thu,— ’S ann an diugh ’tha chùis ri dhearbhadh. G.—Ciod i ’chuis a bhiodh tu ’g iarridh Nam b’ fhiach i nach deant’ a thobhirt; ’S gur co-dheas leam ceir no ceann diu Ach aon bhall diu thigh ’nn mu m’ chomhir. So a chreubh ’sa bheil na dh’ fhognas, ’Bheag no mhor ’gan cuir thu romham; Cha bhi aon diu slàn bho dhòruinn, Ged charadh tu coig dhiu comh-ard. S.—Shuidhich mi ’beul air an t-socair, ’S cha b’ e sid mo dhosginn anmoch; Thanic mac nan sonn fo ’dos-bhil’, ’S e gun fhiamh am fochair garbhlich. Mur h-annsa leat breug na firinn Air mo ghealladh fior cha d’ fhalbh e; ’Nuair a las am fudar cluaise ’S gann a chual’ e fuaim na mharbh e. Bha mi ’n sin gu eangach, iallach Sgeannach, riachgach, riaslach, fuileach, Gu stob-bhìorach, armail, òndail, Gu sunndach, ceòlmhor, ri iomairt, Gu grubhanach, maragach, staoigeach, ’S b’ fhada dh’ fhairichteadh gaoth mo thine; ’S b’ e chuid mhor de dh-aobhar m’ iomagain Gum bu phailte cuirm na gillean. Bha mi greis an sin ’am aonar, ’S mi ri smaointinn air a mhanran, Mar tha ’n sean-fhacal ag innseadh ’S mo chleachduinnean fhin ga aicheadh; Their iad ’nuair ’bhios fear ’na bhantrach Nach faigh e samhladh na dh’ fhag e; ’S mise ’their gu bheil iad breugach, ’S tha mi ’n so ’s mi ’n deidh a raitinn, ’S iomad la a bha mi cianail An deidh dhomh a chiad te ’threigsinn; Shiubhail mi machir is Galltachd ’Giarridh samhladh do mo cheile. Cha robh i ann, fhad ’s a dh’fhalbh mi, An Sasunn, an Albinn, no ’n Eirinn, ’S ann a fhuair mi as an Spain i, Tir nan claidhean guineach, geura. Soridh slan do m’ athair ceile, Ghleidh e dhomh ’s mi ’m eiginn leannan, Leis an siubhlinn beinn is cudunn, ’S leis nach biodh mac eilde fallain, Gur a tric a tholl mi bian leat, ’S tu mo chiad leannan am falach; ’S ma bhios mi beo leth choig bliadhna, Dh’ fhaoidteadh nach bi fialachd falamh. Buaidh is beannachd, pailte ’s buannachd Air an laimh bho ’n d’ fhuair mi ’n Spainteach, ’Nuair a bha mi air mo bhuaireadh ’N duil nach faighinn luach na dh’ fhag mi. Cheangil mi ruit snaim nach fuasglar, Air a chiad Di-luain de ’n raidhe; ’S ged bu taitneach nighean Ruari, ’S dearbh nach h-i na fhuair mi ’s taire. Cha n-fheil fios aginn co a rinn au t-oran so, ach tha e cinnteach gur h-e tine theireadh am fear a rinn e, agus nach h-e teine. Tha e cinnteach cuideachd gun doireadh e an aon fhuaim do dh-i ann a fior agus a bheireadh e do dh-i anns a cheud sioladh de ’n fhacal firinn. Faodidh e a bhith gur h-e Sgiathanach a bh’ ann, ach ’s e ’s dòcha gur h-e Earraghaidhealach a bh’ ann. Ach go b’ e cia as a bha e b’ aithne dha fiadh a mharbhadh agus fheannadh, agus oran a dheanamh cuideachd. SALM NA BEATHA. LE LONGFELLOW. (Eadar-theangaichte le A. C.) Na can rium am briathraibh dubhach, Beatha ’n duine ’s bruadar faoin; Is tha ’n t-anam marbh a choidleas, ’S cha ’n ’eil ni réir barail dhaoin’. Beatha ’n duine ’s fior ni luachmor! ’S cha ’n i ’n uaigh dhorch ceann a réis; Rìs an anam riamh cha dubhradh, “’S duslach thu ’s gu duslach théid.” Cha ’n e sòlas ’s cha’n e àmhghar ’Tha mar àrd-chrìch dhuinn fo ’n ghréin, Ach bhi gnìomhach chum bhi fàgail Astair ùir gach là ’n ar déigh. Ealdhain ’s mall ’s tha ùin’ ruith seachad. ’S tha ar crì, ge calm’ is treun, Ghnàth mar dhruma ’bhròin a’ bualadh Caismeachd thiamhaidh thruaigh an éig. Ann an àrfhaich miòr an t-saoghail, ’N camp na Beatha so na bi Mar an t-ainmhidh balbh a ghreasar! Bi mar ghaisgeach anns an strì! Earbs’ na cuir ’s an latha màireach! ’N ùin’ ’chaidh seach fàg air do chùl! Saothraich anns an àm ’tha làthair, Treun an cridhe ’s Dia a’ d’ shùil! Nochdaidh eachdraidh laoch gu’m faod sinn Ar beath’ dheanamh buadhach àrd, ’S luirg ar cos ’s an t-saoghal fhàgail As ar déigh ’n uair ’thig am bàs. Luirg ’n uair ’chi theagamh neach eile, ’S e air cuan na Beath’ gun iùl, Bràthaìr faondrach ’rinn long-bhriseadh, Glacaidh thuige misneach ùr. Eireamaid nìs ’s biomaid gnìomhach, Le treun chrì ’bheir buaidh ’s gach càs; ’S fòghlumaid, tre chosnadh ’s leanmhuinn, Dìchioll ’s foighidin gach là. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 281] [Vol. 2. No. 37. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 7, 1894. No. 37. Litir a Plymouth. A Chriaid,—Chaidh mi an oidhche roimhe air chéilidh air mo dheadh charaid. Alasdair Mac Leoid, agus air dhomh fàilte ’chur orra stigh, thug mi fa-near gu robh e na shuidhe null ris an t-solus agus a leughadh gu dian; agus o nach robh choltas air gu’m faighinn moran scanachais as gus am biodh e troimh ’n earrainn air an robh aire, thòisich mi air conaltradh ri Màiri a bheau. An déigh dhuinn a bhi mar so beagan mhionaidean, thog Alasdair a cheann agus rinn mi féin fheòrach dheth ciod a bha e leughadh. “Tha mi,” ars’ esan, “a leughadh a MHAC-TALLA. “Seadh,” arsa Màiri, “agus ’s ann mar sin a bitheas e na h-uile oidhche thig am paipear sin; cha tog e cheann gus an leugh e am facal mu dheireadh dheth.” Anns an t-seanchas a bh’ againn an deigh sin, thuirt Alasdair rium gu’m bri chòir dhomh beagan shreathan a chur g’ur ’n ionnsuidh, ag innse dhuibh mu dheaghainn factoridh rop anns am beil sinn le chéile og obair. Chuir mi romham sin a dheanamh, agus bidh mi cho goirid sa dh’ fhaodas mi. Chaidh an tigh-ceairde so a thogail an toiseach sa bhliadha 1824: bha mu cheud fear-oibreach ann an uair sin. ’S a bhliadhna 1884, chaidh an tigh a losgadh gu làr, ach bliadhna ’n deigh sin chaidh a thogail a rithist, agus a nis tha mu naoidh ceud fear aig obair. Tha ’n tigh-mor anns am beilear a sniomh na còcraich còig ceud gu leth troidh a dh’ fhad, da cheud troidh a leud agus dà stòraidh a dh’ àirde. Tha ’n tigh anns am beilear a toinneamh an t-snàth agus ’ga dheanamh na ròp, còig ceud deug troidh a dh’ fhad agus ceud troidh a leud. Gheibh thu an so ròp ann am meudachd sam bith a dh’ iarras tu, cho meanbh ri cairteal òirlich no cho garbh ri còig òirlich, agus ann am fad sam bith eadar deich troidhean us ceithir ceud fichead. Chunna mi féin ròp a chaidh a dheanamh do chuideachd ann am Michigan agus bha e da cheud deug troidh a dh’ fhad agus ceithir òirlich dheuga mu’n cuairt. Tha deich tunna fichead de ròp air a thionndadh a mach na h-uile latha, ’s air a reic aig ochd sentichean am punnd, ceithir mìle ’s ochd ceud dollar ($4,800) air son an iomlain. A barrachd air so thatar a deanamh ’sa reic gach latha da fhichead tunna de chòrd a tha air son a bhi ceangal nan sguab an am na buana. ’S fhiach e so naoidh sentichean am punnd, agus bheireadh obair aon latha mar sin a stigh seachd mile ’s da cheud dollar ($7,200.) Tha e air a radh gu bheil an fhactoridh gach latha a cur a stigh riuthasan leis an leis i coig ceud dollar saor o gach uile chosdas. Thatar a deanamh ropan air gach dath air an smaoinicheadh tu an so, dubh, geal, dearg, gorm, uaine, buidhe, agus moran anns am bheil dha no tri no ceithir de dhathan. Tha ’n t-inneal-smùide a tha ’cur a ghnothuich air obair cho làidir ri seachd ceud deug each, agus tha i air a cur na chéile cho ealanta ’s nach eil i idir cho fuaimneach ri cuid de chuidhlean-smiomha ’chunnaic mi ri m’ latha. Tha daoine tighinn as gach cearna de’n t-saoghal a dh’ fhaicinn na h-obair mhoir so, agus gu dearbh, do neach nach fhaca ’leithid roimhe, ’s math is fhiach i ’n t-saothair. Le so a radh sguiridh mi aig an am so. Tha na càirdean an so uile gu math. Tha mi ’n dòchas gu’m bi soirbheachadh math aig MAC-TALLA air na tha romhainn dhe’n bhliadhna. Is mise ’ur caraide. A. D. McK. Plymouth, Mass. Bha stoirm mhor shneachda ann am Minnesota ’s an Iowa air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair sinn fios mu dhithis a chaill am beatha. Tha iad ag radh gur ainneamh a bha leithid na stoirme so ’sna Staitean ud riamh. Tha fathunn ag radh gu bheil gort am measg an t-sluaigh a tha chòmhnuidh aig bruachan na h-aibhne a tha ’sa chrìch eadar na Stàitean us Mexico, an Rio Grande; na mìltean an imis bàsachadh le cion bidh. Tha bhreac gu math pailt ann an Chicago. Di-sathairne s’a chaidh bha ochd deug air an toirt do’n ospidal, agus bha e cho làn rompa ’s gu’m b’ fheudar na leapannan atharrachadh air son rùm a dheanamh dhaibh. Tha Muinntir New York gach bliadhna a cosd da mhuillein dheug dollar air cluichean ’s air gnothuichean eile air son caitheamh aimsir, da fhichead muillein air sgoiltean, collaisdean ’s tighean fòghluim eile, agus tri fichead muillein dollar ann an deoch làidir. ’S anabarrach cho lag ’sa tha gàirdean an lagha anns na Staitean a Deas. Thainig dusan duine ’s aghaidh-choimheach air gach fear dhiubh air dithis mhaor a bha toirt mortair do’n phrìosan. Thug iad uatha e agus chuir iad fhéin crioch air leis na peilearan. Thachair so an là roimhe. Bha binn crochaidh air a toirt a mach air Pendergast, am fear a mharbh Mayor Chicago, ach thòisich na fir-lagha air deanamh a mach nach robh e na rian, agus chuireadh latha chrochaidh seachad còig latha deug air son ùine thoirt do na dotairean dheanamh a mach co-dhiù tha no nach eil e aig a thùr fhéin. Ma ni iad-san a mach gu bheil, gheibh e chroich, ach mur eil gheibh e ’n tigh-oibreach. Tha na saoir ann an New York an déigh sgur a dh’ obair air son mi-chòrdadh eigin a thainig eadar iad fhéin ’s iadsan dha’n robh iad ag obair. Is i bharail a th’ aig na daoine ’s fiosraiche mu’n chùis nach eil strikes am bitheantas ach a deanamh barrachd millidh air an luchd oibreach fhéin sa tha iad a deanamh air feadhain eile, agus gu seachd sònruichte nuair a tha’n obair cho gann ’s gu bheil na ceudan a coiseachd na stràide gun fhios aca co ris a chuireas iad an lamh. Leighsidh Minard’s Liniment ghoirt. [TD 282] [Vol. 2. No. 37. p. 2] AM MUILLEAR CAN AGUS AM BALBHAN. LE IAIN. CHA ’n ’eil fhios agaibh,” ars am muillear nach fhaodainnsa aobhar bhur bròin a bheagachadh, a chion ’s nach tugainn air falbh gu léir e. An cuala sibh riamh an sean-fhacal; “Is minic a bha comhairle an rìgh ann an ceann na h-òinid.” Dh’ innis an dròbhair an sin an sgeul o thòiseach gu deireadh mar a bha eadar e fhéin agus an Sasunnach, agus mar a bha e air a mhealladh a thaobh a’ mhaighstir-sgoile. “Mur faigh sibh ni ’s fhearr,” ars’ am muillear, “is ann a leigeas sibh mi fhein a dh’ fheuchainn a’ bhalbhain. Theid mi ann gun teagamh. Cha bhi aig Gall ri’ innseadh ’Ghaidheal nach ’eil duine an Alba aig am bheil de mhisnich na dh’ fheuchas e.” Smaoinich an drobhair gu ’m bu chòir dha, o nach robh e air thuar ni b’ fhearr fhaotainn, am muillear fhein a thoirt leis. O’n a bha an t-àm a nis a’ tarruinn dlùth anns an robh aca ris a’ choinneamh a chumail ris na Sasunnaich ann an Duneidionn, cha robh aca ach iad fhéin a dheasachadh cho math ’sa a b’ urrainn daibh air son an turuis, agus a bhith ’falbh. Bha astar math fada aca ri dhol, ach anns an àm ud cha chluinnteadh thall no bhos, shìoc no shuas, srannail an eich-iaruinn, oir bha e gun bhreith. Coma co dhiu, bha casan luthar, làidir, luatha aca air son dìreadh bheann is tearnadh ghleann. An uair a bha iad a’ falbh thug am muillear leis còig no sia de bhonnaich mhatha choirce, “a chumas,” ars’ esan, “an deò annam gus an d’ thig mi air m’ ais; oir cha ’n ’eil mi ’smaoineachadh gur fhearr an t-aran còinich a th’ aca ann an Duneidionn agus anns a’ Ghalldachd gu léir na ’n còsan a tha ’fàs air na slaimh air chùl na sgeire leithinn.” Ràinig iad Duneidionn air a’ cheart latha ’chaidh ainmeachadh air son na coinnimh. Bha ’n dròbhair Sasunnach air thuar dùil thairis a thoirt dhiubh. Cha robh tiotadh ri’ chall, agus chaidh na fir a chur a steach leotha fhein do sheòmar. Cha robh iad deich mionaidean ’san t-seòmar an uair a chaidh a’ chùis an dara taobh. So mar a bha eatorra:— Shìn am balbhan aon mheur ris a’ mhuillear, agus ghrad shìn am muillear a dhà mheoir ris a’ bhalbhan. An sin shìn am balbhan a thrì meoirean ris a’ mhuillear, agus ghrad dhùin am muillear a dhòrn ’s chrath e ris a’ bhalbhan e. Chuir am balbhan a làmh ’na phòcaid ’s thug e ubhall aisde, agus thòisich e ri’ h-itheadh. Chuir am muillear e fhein a làmh ’na phòcaid ’s thug pios de dh’ aran coirce aisde, agus thòisech e ri’ itheadh. Cha robh an corr eatorra. Dh’ éirich am balbhan a mach as an t-seòmar ’s chaidh e far an robh a mhaighstir, agus dh’ innis e dha gu’n d’ rinn am muillear càm a’ chùis air. “Fhreagair e,” ars’ am balbhan, “gach ceisd a chuir mi air, agus thuig e, tha mi a’ smaoineachadh, an ni a bha mi a’ ciallachadh a cheart cho math ’s ged a bhiodh mo smaointeanan sgrìobhte fa ’chomhair air paipear. Shìn mise aon mheur, a’ ciallachadh gu robh aon Dia ann. Ghrad shìn esan a dhà mheoir, a’ ciallachadh gu robh an t-Athair agus an Mac ann. An sin shìn mise mo thrì meoirean, a’ ciallachadh gu robh an t-Athair agus am Mac agus an Spiorad Naomh ann. Ghrad dhùin esan a dhòrn ’s chrath e e, a’ ciallachadh gu robh an triuir ’nan aon. Thug mise ubhall as mo phòcaid ’s thòisich mi ri h-itheadh, a’ ciallachadh gu ’n do pheacaich Adhamh le itheadh de’n mheas thoirmisgte. Cha bu luaithe a rinn mi so na thug esan aran as a phocaid ’s thòisich e ri’ itheadh, a’ ciallachadh gu robh aran na beatha ann, agus le itheadh dheth gu faodadh gach aon a bhith beò. A nis, cha robh feum sam bith dhomhsa dhol ni b’ fhaide. Tha mi a’ làn-aideachadh gu ’n do ghléidh e orm, agus cha ’n ’eil agadsa nis ach pàigh an geall ’s grad biomaid a’ falbh. Gun tuilleadh dàlach phàigh an dròbhair Sasunnach a h-uile peighinn dheth ’s dh’ fhalbh e, agus bu mhall leis a chasan gus an deachaidh e null air a’ chrich Shasunnaich. Fad na h-ùine so bha am muillear ’s an t-seòmar a’ feitheamh ’s e an dùil a h-uile mionaid gu ’n tigeadh am balbhan air ais a chur nan ceisdean ’s nan dubh-fhacal air; oir shaoil leis nach do thòisich an gnothach fhathast. Mu dheireadh thall thàinig a mhaighstir—an dròbhair Albannach—a steach do’n t-seomar ’s fiamh gàire air a ghnùis. “Buaidh is piseach ort, fhir mo chridhe, nach math a fhuaras tu an uair a rinn thu ’chùis air a’ bhalbhan. Ghléidh thu dhomhsa an geall agus ni b’fhearr na sin, ghléidh thu urram de dhùthchadh.” “An e mise,” ars’ am muillear ’s e ’freagairt le mòr-ioghnhdh “Cha do ghléidh mise an geall. Cha d’fhan am balgaire tiotadh maille rium, agus cha mhò a chuir e ceisd orm fhathast. Cha chreid mi co dhiu gu bheil ann dheth ach am fìor bhurraidh. Mac na caillich, nach ann a thòisich e ri fàl-mhagadh orm mu ’n do thàrr mi suidhe ’s an t-seòmar. Shìn e a mheur rium, a’ ciallachadh nach robh agam ach aon sùil. Shìn mise mo dhà mheoir risan, a’ ciallachadh gu robh dà shùil aigesan. Shìn e, an uair sin, a thrì meoirean rium, a’ ciallachadh gur e trì sùilean a bh’ againn ’nar dithis. Leum mo nàdur orm. agus dh’ fhàs mi cho cas’ nam’ inntinn ’s gu ’n do dhùin mi mo dhòrn agus chrath mi ris e, a’ ciallachadh gur goirid a bhithinnsa ’cur a h-uile sùil a bha ’na cheann as mur sguireadh e de mhagadh orm. Chuir e an uair sin a làmh ’na phocaid ’s thug e ubhall aisde, agus thòisich e ri’ h-itheadh, a’ ciallachadh gu robh measan agus nithean grinne de ’n t-seòrsa sin a’ fàs ann an Sasunn; direach mar gu ’m biodh toil aige, an uair a sguir e de mhagadh orm fhéin, teannadh ri magadh air dùthaich mo bhreith is m’ àraich. An sìn chuir mise mo làmh ’na mo phòcaid, agus thug mi pìos aisde de ’n deadh aran choirce a thug mi leam o ’n taigh, agus leig mi mar sin ris dha, gu robh againne ann an Alba stuth air son bidh mòran ni ’s brighoire agus ni ’s fhearr na luibhean gun sgoinn a th’ acasan ann an Sasunn. An uair a chunnaic e mar a rinn mi dh’ éirich e gu bog, balbh a mach as an t-seòmar agus dh’ fhàg e an so mi. Ach nam bithinnsa air a dhol aon uair ’na dhàil bha mi air liodradh a thoirt dha nach dichuimhnicheadh e an dà latha so.” (A’ Chrioch.) Leighseadh Minard’s Liniment Breac. FREAGAIRT DO D. S., Maplewood, N. H.—Fhuair sinn do litir, agus cuirear an leabhar a tha dhìth ort ’g ad ionnsuidh an ùine ghoirid. Tha sinn fior thoilichte chluinntinn gu’n do theagaisg MAC-TALLA dhuit do chainnt mhàthrail a leubhadh. Moran taing air son do bhriathran caoimhneil. Bidh sinn fada na d’ chomain ma chuireas tu g’ ar ’n ionnsaidh an da paipeir a dh’ainnich thu. Lighsidh Minard’s Liniment Cnatn. [TD 283] [Vol. 2. No. 37. p. 3] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. Thaghail mi ’n sin air an Urr. Murchadh Dòmhnullach ministeir Gàidhlig na h-Eaglais Shaoir ’an Dun-éideann. Is ann do Leodhas a bhuinneas e agus tha e pòsda aig nighean Fir Dhùin Chulobhadh nach neaireann. Tha am ministair òg tapaidh so na shearmonaiche comharraichte. Tha brathair dha na mhinisteir ’an Aird Chlach. Is esan Sgrobhadair Gaidhlig cho math ’s a tha air Ghàidhealtachd. Thug mi seirbheis Bheurla agus Ghàidhlig do Ghàidheil Dhuneideann. Dh’éisd mi ri searmon Gàidhlig bho ’n Urr. Iain Mac Ille-mhaoil a Ullapul. ’S an t-searmon thug e sgriob air leòmaichead ar latha, na fasanan ura a tha a’ goid a stigh airn. Na theas searmonachaidh thainig e ’mach leis da briatlran so. “Searmonaichidh mise an soisgeal dhuibh ged do dhannsadh sibh Gille Callum.” Dh’eisd mi ri pios searmoin bho Mhinisteir Uig ’an Leodhas, agus ri searmon bho na h-Urr. Doctair Stalker a Glaschu, duine iomhuinn, Macaphearsain a Feairn, agus Maighstir Domhullach a Kirkldy. Bha mi ni éigin mithoilichte le comasan searmonachaidh cuid dhiubh. Tha ministeirean Gàidhlig agus Beurla againn ’an Canada nach toireadh ceann an amuill dhoibh. Ach ’s ann a bha chuid bu mhò de ’n ùine a chaith mi an Dun-éideann air a cosg ag éisdeachd ri òraidean agus deasbaireacdean na ’n diadhairean a bha cruinn ’s na Aird Sheanaidh. Am measg na ’n daoine urramach a labhair air ùrlar talla Ard Sheanaidh na h-Eaglais Shaoir bha na feadhoin a leanas. An t-Olladh Daigo (Dykeo) a Lunnain. An t-Olladh Mac Laurain a Manchester. An t-Olladh Fairbern an t-Olladh Paton, agus Mac gille Ghobha a New York agus dithis na triùir de dh’Urramaich Eaglais Phresbiterianaich Chanada. Bha am briathran gu léir snasmhor agus an deadh òrdugh. Thug iad uile urram do na laoich a dh’ fhag an Eaglais Stéidhichte aig àm an Dealachaidh. Am measg na ’m puincean deasbaireachd, bha ùpraidean mu thimchioll Leabhar Aidmheil a Chreideimh. Thug na Goill, dha no tri do bhliadhnaichean air falbh, air an Ard Sheanadh Achd a dhaingneachadh ris an abrar an “Reachal Mìneachaidh.” Thug an t-Achd so moran oilbheum do na Gàidheil agus thog iad an guth na aghaidh. A dh’ aindeoin ’s na chuir iad do dh’ iarrtasan air beulthaobh an Ard Sheanaidh dhiùltadh beantuinn ris. Thug so air mòran do na Gaidheil an Eaglais Shaor fhàgail agus tha iad air cléir dhoibh féin a chur air chois. Tha sean fhocal ag radh, “Thig crioch air gach comunn,” agus thainig sin air cruinneachadh na ’n Seanaidhean ’an Dunéideann. Thug sin orm slàn fhàgail leis a bhaile mhòr agus m’ aghaidh a chur air tir na’n sonn. Ghabh mi an t-each iaruinn trath ’s a mhaduinn agus sud air falbh sinn ag asdar leth cheud mile ’s an uair. Ann am beagan mhionaidean bha sinn aig an drochaid mhoir a tha tarsuinn air Caolas Banrigh Marairead no Abhuinn Forth. Is i so drachaid as mugha’ tha air an t-saoghal. Tha osannan mòra fuidhpe a tha cho garbh ri cruach arbhair agus tha i cho àrd is gu ’n téid na Soitheichean mora na’n trì chrann a mach ’s a steach fuidhpa gu’n mheang. Thug sinn cunntas mhionaidean air dol thairis orra agus sud sinn air talamh diongmholta (terra firma) aon uair eile. Chabhagaich an t-each iaruinn sinn air adhart troimh dhùthaich anabarach mhaiseach agus thorach gu’s mu dheireadh an d’ thainig sinn gu Baile Mòr Pheairt. Tha e air aithris gur e Calla an Eich Iaruinn ’am Peairt aon cho riomhach ’s a tha ’an Albainn saor o ’n aon a tha ’an Dunéideann. Dh’ fhan sinn ’am Peairt teann air trì uairean do thìm agus an sin thog sinn rithé a deaaamh tri fichead mìle ’s an uair gus ’an d’ thàinig sinn gu tìr gharbhlach na Gàidhealtachd. Aig aon bhruthaich bha carbad tarruing agus putaidh againn g’ ar cur air aghart suas an t-aonach, agus sin far an robh an omhail air toiseach ’s air deireadh mar gu’m biodh an gnothaich a fairtleachadh orra. Mu dheireadh thall ràinig sinn am mullach agus ghabh sinn slàn leis a charbad chùil. Sud air falbh sinn a rithis leis a bhruthaich air an taobh eile. Shaoileadh neach gu’m ann a bha sinn air iteig gus an d’ thùinig sinn gu ùrlar a ghlinne. Ach gu de na beanntan a bha sinn a nis a faicinn air gach làimh dhinn? Bha iad dhe gach cumadh, cuid cruinn (Air a leantuinn air taobh 6.) Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 284] [Vol. 2. No. 37. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM APPIL 7, 1894. Tha ’n sean fhacal a fàgail air na mnathan nach eil iad math sam bith air ni a cheiltinn: “An ni nach fios do na mnathan ceilidh iad.” Ach cha’n iad na fir dad a’s fhearr, mar a dh’ fhaodas duine sam bith a thogras fhòghlum air a shon fhéin. Tha sgeula beag air innse dhuinn mu Ghladstone a dhearbhas so. O chionn mios no dha thog e air gu dhol air cuairt ghoirid air tir-mor na h-Eòrpa, agus mu’n d’ fhalbh e dh’ innis e do thriuir dhe chàirdean gu robh roimhe, ’nuair a thilleadh e, dreuchd na Prìomh Mhinistirealachd a chur as a lamhan aig an am cheudna ag earbsa ’s ag àithne ris gach fear dhe’n triùir gun iomradh a thoirt air ri duine bheò. Ach a dh’ aindeoin sin uile cha do ruith moran ùine ’nuair bha gach paipear beag us mòr, shios us shuas, thall ’sa bhos, a craobh-sgaoileadh na naidheachd gu robh Gladstone air toirt snas. Ma tha toil aig duine diomhaireachd sam bith a chumail o chluasan an t-saoghail, ’s e ’n dòigh a’s fhearr dha dheanamh a cumail ris fhéin, neo faodaidh e bhith cinnteach gu’n ruig i cluasan nach bu mhath leis. Bha gnothuichean gu math fuaimneach ais feadh Nobha Scotia us Cheap Breatunn fad seachdain no dha an deigh latha taghaidh nam fear phàrlamaid. Bha fear no dha a fhuair ainm a bhi stigh an toiseach a fhuair a mach nach b’ ann mar sin a bha ’nuair a chaidh na bhotaichean a chunntas an darra nair, agus bha ’san ainm gu robh am fear so ’s am fear ud eile ri bhi air a chumail aig an tigh a chionn nach robh an taghadh cho laghail ’s bu chòir dha bhith, ach tha sinn a tuigsinn nach eil an sin ach uiread de bhruidhinn. Tha daoine nis aìr fàs na’s ciùine, agus na’s reusanta na bha iad an téas a chatha, agus cha’n eil teagamh nach di-chuimhnich iad lochdan càch a chéile an ùine gle ghoirid. Ma bhios iad ri fuaim mor mu nithean beaga mar so bithear glé bhuailtrach air bhi fàgail orra gur a mò an geum na ’m bleodhan. Tha muinntir na Gàidhealtachd ag obair cheana ag ullachadh air son a Mhoid a tha gu bhi ’san Oban air an fhoghar s’a tighinn mar bha e air an da fhoghar a chaidh seachad. Cha’n eil e ri ’chur an teagamh nach robh an da Mhod a bh’aca cheana na mheadhon air aire agus inntinn an t-sluaigh a tharruing gu nithean Gaidhealach mar nach robh iad riamh roimhe, agus cha mho tha e ri chur an teagamh nach bi am Mod a sior dhol na’s fheumaile gach bliadhna ma bhios e air a chumail suas ann an doigh cheart, mar is cinnteach a bhitheas e. Oibrichidh e chum misneach agus neart a thoirt dhaibh san aig am beil gràdh ’nan cridheachan do chainnt an sinnsir agus leis ’m bu mhiann a cumail suas. Tha cruinneachadh bliadhnail dhe’n t-seorsa so aig na Welshich o chionn iomadh bliadhna agus tha e ri fhaicinn gu soilleir gu bheil e ’n deigh feum mor a dheanamh dha’n cànain. ’Nuair chuireadh air chois air tùs e cha robh coltas eile air an cainnt ach gun rachadh i bas gu buileach ri beagan ùine. Bha’n sluagh cha mhor air fad mar gu’m biodh iad air fàs caoin-shuarach uimpe, agus a toirt a dh’ionnsaidh na Beurla gu buileach. Ach an diugh tha chùis air atharrachadh sin; tha chainnt Welshach cho fasanta sa bha i ’sna linntean o shean mu’n robh Beurla no Fraingis no iomadh cainnt eile ann, agus barrachd sluaigh ’ga bruidhinn ’sa bha riamh roimhe. Tha gu leor de leabhraichean ’s de phaipearan aca ’nan cainnt féin, ’s cha’n eil iad idir cho déigheil air a bhi deanamh Goill dhiùbh féin ’sa tha moran de na Gàidheil. Tha e taitneach ri fhaicinn gu bheil na Gàidheil a nis a togail an ceann agus a toiseachadh air gach oidhirp is urrainn dhaibh air am cainnt rioghail, bhrigheil, bhlasda féin a chumail o dhol bàs. Gu ma math a theid dhaibh anns an deagh obair! HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Leabhraichean Giliag. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 285] [Vol. 2. No. 37. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha’n rathad iaruinn eadar am baile so us Louisburg ’ga oibreachadh gu bras. Tha iad an dùil e bhi fosgailte uair-ergin ré an t-samhraidh. Eadar October ’s am Màrt, chaochail faisg air ceithir cheud pearsa ann am baile Mhontreal leis an fhiabhrus dhearg. Bha cuid a sheachdainean a chaochail ceithir pearsa fichead. Ghabh each fiachail leis an Dotair Mac Iain an Cow Bay, eagal an la roimhe agus theich e. Mu’n d’ fhuaras greim air, bha e air e-féin a ghearradh cho dona ’s gum b’ fheudar a mharbhadh. Tha duine de’n ainm Mac Whirrel anns a phriosan ann am Brompton, Ont., fo bhinn bàis, air son fear Williams a mharbhadh. Tha fear Robert Dalton ann am Bozemani, Montana an déigh toirt suas gu’m b’esan a rinu am mort. A réir gach coltais, tha na meinnean a dol a chur a mach mòran guail air an t-samhradh so tighinn. Tha ’n obair air tòiseachadh cheana, ’s tha na meinnean uile ’cur ma seach a ghuail air choinneamh nan soitheach, dhe’m beil àireamh mhor deas gu tighinn cho luath ’sa dh’ fhalbhas an deigh as na h-acarsaidean. Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal. a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873? Bhrist teine mach anns an tigh aig Alfred Grannd, Sidni a Tuath tràth sa mhaduinn Di-haone air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair an teaghlach uile as ach aon nighean òg, aois ochd bliadhna deug. Rinneadh a h-uile dichioll air a sabhalladh, ach dh’ fhairtlich orra, agus nuair a chuireadh as an teine fhuaradh i anns an rùm a b’ fhaisge air a rùm cadail, agus i air a losgadh gu bàs. Cha’n eil fhios cia mar a thòisich an teine. Cha’n eil sinn buileach cuibhteas an geamhradh fhathast. Tha ’n t-sìde greannach fuar gu leòr, gun a bheag sam bith de bhlàths an earraich. A reir gach coltais cha’n eil an deigh mhor ro fhad air falbh. Bha’n carbad-iaruinn air a chumail còrr us ceithir uairean air deireadh leis an t-sneachda oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Tha ’n deigh air na lochan ’s air na h-acarsaidean fhathast laidir gu leòr gu eich us sleigheachan a dhol orra. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh NAIDHEACHDAN. Tha e air aithris an drasd gu bheil an t-each iaruinn ri bhi, air an t-samhradh, a fàgail Shidni aig ceithir uairean feasgar an àite coig uairean ’sa mhaduinn mar tha e ’n dràsda. Faodaidh luchd an fhalbh an leor cadail fhaighinn an uair sin. Thachair sgiorradh ann an Sidni a Tuath leis ’n do chaill Iomhar Domhnullach pins de cheann na coire. Bha e ’g obair anns an fhactory aige fhéin, agus ge air bith de bha e deanamh le sabh cuairteach, fhuair e greim air chois air ’s thug e leis a bàrr. Tha sinn fior dhuilich so a chluinntinn. Tha Taigh-òsda Shidni a nis gle theann air a bhi ullamh air son nan daoine uaisle a bhios re an t-samhraidh a tighinn a thoirt sgriob air feadh ar dùthcha. Nuair a bhios e na làn uidheam cha bhi a leithid eile air eilean Cheap Breatunn, no gu dearbh, ann an taobh an ear Nobha Scotia. Chruinnich Pàrlamaid Eilein Phrionns Iomhair Di-ciaduinn an ochdamh latha fichead dhe’n Mhàrt. Tha e coltach nach eil teachd-a-stigh gu leor aig an luchd-riaghlaidh air son nithean a chumail ’nan àite féin, agus tha iad a dol a leagail cìs air an fhearann aìr son an t-suim a dheanamh suas. A cheud oidhche de dh’ April thugadh ionnsuidh air oifig paipear-naidheachd ann am baile Trent a chur as a cheile le fùdar. Bha baraille anns an robh coig puinnd fhichead air a thilgeadh a stigh triomh uinneig agus fuse laiste a slaodadh ris, ach chaidh sin as mu’n d’ rainig e ’m fùdar. Chaidh fear Mac Gilleain a bhàthadh ann an tobar aig Port Hastings. Bha e na dhuine gle neonach air iomadh doigh, agus bha moran eolach air feadh siorramachd Inbhirnis. Bha “Boiligean” aca mar fhar-ainm air. Bha e na dheagh fhear-ciùil agus chluicheadh e a phiob mhor gle mhath. Tha ’n t-Urr. Domhnull Domhnullach a bha ’m Port Hastings a nis air a shuidheachadh ann an Srath-Lathuirn. Tha e na shearmonaiche tapaidh, agus na dheagh sgoileir Gailig us Beurla. Tha sinn an dochas gu’n cord an sgìreachd ùr ris gu math; tha sinn cinnteach gu’n còrd esan ri sluagh na sgìreachd. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 286] [Vol. 2. No. 37. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) mu ’n cuairt ag éiridh suas gu socrach gus am mullach, cuid eile gu claiseach creagach, agus garbh mar gu ’m biodh iad air an cruthachadh air son ghabhar na ainmhidhean neo-chneasda air choir-éigin. Chiteadh an tràth so ’s a rithis lianachan bòidheach aig am bonn agus air an cliathaichean breac le caoirich agus chiteadh an ciobair a’ gluasad gu màirnealach le cù no dhà g’ a leantuinn agus an sin chiteadh tigh na aonar ’an glaic agus clann a’ cluich aig a dhorus. B’e so tigh a chiobair. Cha robh ùine arainn fhaicinn co dhiùbh a b’ e falt dubh no donn a bha air a chloina, no ’chluinntinn co dhiùbh is e Gàidhlig no Beurla a bha iad a labhairt, Bha leithid do chabhaig air an Each Iaruinn ’s nach d’ fhuair sinn an uidhir so do riarachadh. Tha eagal orm gidheadh na’n cluinneamaid iad gur i Bheurla chruaidh Shasunnach a bhà iad a’ labhairt. Ach gu d’ e a tha so? Beinn air an taobh so agus beinn air an taobh ud eile a tabhairt solus na ’n speur uainn, agus sruthan garbh air an daramh laimh a leum thairis air creig an so a sniamh timchioll air dùn an sud, agus cobhar bhàn a chuid cluich a siubhal gu sàmhach an àite eile a deanamh an t-seallaidh làn iongantais dhuinn. Is e so Glaic Chille-cranci far an do choinnich, ’s an t-sean aimsir, na Gàidheil agus na Sasunnaich aon a chélle, agus an d’ thug na Gàidheil leasan dhoihh. Tha e air aithris gus an latha an diugh nach d’ thugadh buaidh air na h-Albunnaich riamh a tuath air an àite so. Faodaidh sinn a raitinn, uime sin, gur e a tha ’s na Gàidheil muinntir nach do chiosnaicheadh riamh. Dh’ fheuch na Ròmanaich ri tràillean a dheanamh dhiubh ach dh’fhairtlich orra. Ach gu mo sgeul. Thainig sinn a mach a Glaic Chille-cranci agus chabhagaich sinn thar bheann ’s ghleann gharbhlach gus an d’ thainig sinn gu clàdach Bheaulaidh Firth. Thaghail sinn air an rathad ’s na bailtean beaga Forres, Nairn agus aon na dithis eile. Bha sinn a nis a’ siubhal an Iar, tir mòr air an lamh chli agus Caolas Eilean Dubh na Tòiseachd air an laimh eile. Bha bàtaichean iasgaich le siùil gheal agus dhorcha ri ’m feicinn fad ar seallaidh agus bha machraichean treabhte gu bonn na ’m beann air an laimh eile g’ ar cumeil trang a’ sealltuinn o uinneag gu uinneig. Mu dheireadh thall ràinig sinn Baile Mòr na Gaidhealtachd, Ionarnis. Bha sinn gu bhi ’an so còrr agus leth uair agus “am fear nach beireadh air a bhogha bheireadh air a chlaidheamh” a’ dol air tòir greim a dh’itheamaid. Fhuair sinn cuach na dhà do shùgh feòladh am fear, agus beagan do ghràn eòrna agus càl glas air a mheasgachadh leis. Fhuair sinn beagan de dh’ fheòil mhairteil agus buntata no dhà. Phàigh sinn ar trì tastain bhàna air a shon ’s a bhargan. Cha robh ùine againn a dhol air feadh a bhaile, agus bha sinn duilich oir bha déigh mhòr againn air am baile fhaicinn. Sud air bord a rithis sinn, agus ann am priobadh tha sinn air ar gìulan air adhart tarsuinn air a Chanal agus, gu lùbach, timchioll ceann a bhàigh gu Beaulaidh. Bha aig an am ud gillean òga as gach cearn de ’n t-Siorrachd cruinn air Machair Bheaulaidh g’ am fòghlum ann an ìnnleachdan cogaidh. Thug na ballaich caismeachd dhuinn ’s an dol seachad ach cha do fhreagair an Carbud Iaruinn. Dh’ fhàg sinn n’ ar dèigh iad mar na h-uidhir do chreagan. Ann an beagan ùine thainig sinn gu Urraidh agus bhà air an laimh dheis Caolas Cheasaig, agus an Caisteal Ruadh, agus Sgir na Tòiseachd. ’S ann orm a bha miann sgrioh a thoirt air feadh na ’n àitean so, ach cha do cheadaich ùine. Tha sinn an nis ann an Ionar-theotharan baile beag bòidheach, ainmeil air son an co cheangal a tha aige ris an Urr. an t-Olla Kenedeidh. Cha do rinn sinn ach taghal ann agus air falbh a ris sinn gu cabhagach suas an gleann am meadhon am bheil na tobraichean leaghais. (Ri leantuinn.) Leighseadh mise o chuing, le MINARD’S LINIMENT. Bay of Islads. I. M. CAIMBEAL. Leighseadh mise o chall guth le MINARD’S LININENT. Springhill, N. S. Um. DANIELS. Leighseadh mise o’n loinnidh le MINARD’S LINIMENT. Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY. ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig MOORE & JOHNSTON, far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc. Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith. Tha sinn a creic Crannuchain, Tubaichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc. Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte. MOORE & JOHNSTON, Sidni, C. B. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. [TD 287] [Vol. 2. No. 37. p. 7] An t-Earrach. An t-Earrach! am ath-urachaidh na talmhainn. Tha ’n t-Earrach a’ giulan air a sgiathaibh moran a bharrachd air gorm dhreach na macharach, agus faile cubhraidh nam blath. Tha ’n t-Earrach ’n a ghealltanas air na nithibh sin a dhuisgeas suas gach dochas, an da chuid a thaobh an t-saoghail so agus an t-saoghail a ta chum teachd. Is ann o ath-philleadh riaghailteach an Earraich a ghabh Cinnich o shean beachd gur eiginn a leithid de ni ri Neo-bhasmhorachd a bhi ann. Ma tha ’n saoghal ’n a laidhe gu neo-mhothachail, marbh, fo chuirtean reota a’ gheamhaaidh, agus ma thig aiseirigh thairis air, leis an duisgear suas gach luibh agus blath, agus gach eun-cheol agus suibhearachd an urrainn e bhi nach eirich an duine sin a ris a tha ann an trom chodal a’ bhais, agus nach duisg e suas chum beatha nuaidh, agus chum gach deagh-dhochas a shealbhachadh! Tha sinn gu leir a’ creidsinn so, do bhrigh gu ’m bheil Focal De’ g a theagasg dhuinn; ach tha iadsan, ann an seadh, ’g a chreidsinn nach ’eil fathast eolach air an Fhocal sin, air da a bhi air a sparradh orra le oibridh Nadair mu ’n cuart doibh. Ach an deigh sin uile, tha an smuainte mu thimchioll na cudthromaich so, air an comhdachadh le sgaile diomhaireachd agus neo-chinnteachd. Biodh na h-uile, uime sin, taingeil air son an Taisbein Naoimh sin a thugadh dhuinn leis an Ti a’s Airde, trid am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum an t-soluis. Bha cruinneachadh Gàidhealach ann an Dun-eideann air an fhicheadaibh latha dhe’n Mhàrt. Bha na cluichean àbhaisteach aca agus bha duaisean air an toirt seachad air son piobaireachd, donsadha, dhe gach seorsa agus gleachd. Bha gach ni a bh’ ann fo ordugh fear Iain Mac Nèill agus bha gach aon a làthair làn riaraichte leis mar chaidh an latha. Ann an Lunnuinn air an naodhamh latha deug dhe’n Mhàrt, chaochail an Dotair Ruairidh Domhnullach, a bha àireamh bhliadhnachan na fhear-pàrlamaid ann an siorramachdan Rois agus Chromarty. Rugadh e ’s an Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1840. Bu shàr Ghàidheal e agus bha meas mor air ’s an taobh a tuath. Bathar Saor air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Sidni, Iun 1, 1893. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chur air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 288] [Vol. 2. No. 37. p. 8] CUMHA. Do Mhartuinn Martuinn, do ’m bu cho-ainm Martuinn Mor a Bhealich. Le Niall Mac-an-Aba. Nam b’fhear facil no dain mi Bhon la thiodhliceadh Martinn ’s a chill Mar chuimhneachan bais ort Bheirinn greis air do nadar math inns’. Cho fada ’s a b’ eol dhomh Bha gach teisteanas mor air do thi; ’S mairg fine as an d’ fhalbh thu ’S a liuthad deagh ainm air do ghniomh. ’S coir dhomh labhairt neo-chearbach Ann an toiseach mo sheanachis’ thoirt bhuam, Mu’n og mhisneachail, chliuiteach, So a thog iad air ghiulan Di-luan. Gun robh silteach gu siubhlach A tuiteam bho shuilean dhaoin’ uaisl’, Bho ’n la ’chuir iad ’s an uir thu, Ann am fois bho nach duisg thu a suas. Bu tu’n gasan neo lapach, Gun robh rogha gach mais’ ort, a laoich; Nam bu treun anns an fheachd thu Bhiodh tu ainmail mar ghaisgeach aig daoin’. ’S mairg a bhagradh an dorn ort Na’n cuireadh tu ’n torachd ga thaobh; Cha robh fear a thoirt cuis dhiot, Mar mo bharail, an tubh so de ’n chaol. Gaol peathar, gaol brathar, Gaol athar is mathar gun cheist, Gaol mna oig agus leannain Mar nach faodadh iad fhalach no chleith, Gaol na mnatha ’thug cioch dhuit, ’S mu’n ghniomh sin cha b’ aireach i dheth; Bha sud agad a Mhartuinn, ’S tha iad uile air an cradh as do leth. ’S beag an t-ionghnadh do mhathair ’Bhi gun aidhear, gun slainte, gun sunnd; Is a suilean bhi dortadh Ri sior shileadh nan deoir os do chionn. Gur h-i naidheachd na Ciadain A bhrosnich gu liathadh a cul, Mu’n fhiuran ghlan chiatach Dha’n robh tuigse agus riaghailt mhic Diuc. ’S beag an t-iongnadh do cheile A bhi airsnealach eisleineach, tinn; ’S a bhi tric ort a’ smointinn, ’S a bhi ’cadal gle aotrom ga chinn. Chaill i companach guailne ’S an robh tuigse agus uaisle mhic rìgh; Gur a h-iomad bean uasal A bha caoidh an fhir shuairc ’tha ga dith. ’S ann an toiseach a gheamhridh A fhuair do dheagh chleamhnan an sgath; Chaill iad ceile na baintigearn. Ort bha ’n aghaidh gun sgraing air dheagh dhreach, An am cruinneachadh nan uaislean, Ort a thigeadh gach tuairisgeul ceart, ’S tu lan modh agus eolis An am suidhe mu’n bhord ann an sreith. Bu tu marcach nan steud-each, Cha robh ’n taobh-sa Dhuneideann na b’ fhearr; Gum bu tlachdmhor thu ’d dhiollid Air each cruitheach mor briadha ’chinn aird, ’Nuair a bhiodh tu air Ghalltachd, S tu gum buidhneadh an geall leat thar chaich; Bu leat urram gach reise, ’Fhir mhoir mhacnt’ bu bheusiche gnaths. ’S mor an naidheachd am bliadhna Gu bheìl Lachasa riabhach gun cheann; Ge b’ e ’rachadh ga fiachinn, Tha a seoltan ’s a riaghailt air chall, Tha a h-uaislean ’s a h-islean A sior-ionndrinn an fhirein a bh’ ann. Ged a rinn mi sud innse, Cha do chuir mi ceann-crich air mo chainnt. Co a sheall ann at aodunn Noch deanadh deagh fhaoilte ri d’ ghnas. S mor na bh’ ort de luchd ìonndrinn An am suidhe ’s a chuirt ’s an taigh bhan Bha do ghnothichean seasmhach, ’S gu’m bu lionmhor ort teisteanas ard; Dh’ fhag thu uile iad an riaghailt Mar a dheanadh neach iarrìdh roìmh ’n bhas. Bha thu foghinteach laidir Bha thu iriseal, tabhachdach, ciuin; Dreach an t-samhridh mar shnuadh ort, Cha robh ainneart no fuachd ann ad ghnuis, Fiamh a ghaire air do mhala, ’S bu phailt blaths ann an sealladh do shul, ’S mor an leon ’thug do bhas As a mhuinntir a dh’ fhag thu ’s an Dun. Ciod a bhuaidh a bh’ air duine Nach robh suas riut bho d’ mhullach gu d’ bhroig’. Bha thu macanta, siobhalta, Cha togadh tu strith ’s an taigh-osd’; Lan de cheill is de ghliocas, Lan de dh-eolas ’s de thuigs e ’bha mor; Cuimhneach, sealltuineach, rianail, ’S cha robh mealladh am briathribh do bheoil. ’S ann na laighe gun eirigh Tha ’m fear mor nach d’ rinn eucoir air neach; Gun robh tuigse agus reusan A streup riut le cheile mu seach. Bha thu ceannsgalach, treubach, Bu leat urram nan ceud air an fhaich; Bha thu modhail, lan eolis, Is a h-uile ni coir ann ad bheachd. Bha thu caoimhneil gun ardan ’S tu a sior chur do chairdis an liad; Bha thu iochdmhor ro bhaigail Ris gach duine ’bha ’n sàs agad riamh. ’S i mo bharail gu laidir Gu bheil t’ ànam lan shabhailt’ aig Dia; ’S iomad beannachd le durachd ’Bha, ’n ualr dh’ fhalbh thu gu ’chuirt leat a’ triall. Bha thu ’t iasgair ’s ’ad shealgair, Gun robh cuimse gun chearb ann ad laimh; ’S i do-shuil bu ghlan dearcadh, Cas thu dhireadh ’s a dh’ astar nam beann. Ann sa h-uile deagh chleachdadh Bha do shuil is do thlachd gu fior theann; ’S bho ’n la ’chaidh thu fo’n fhuar-lic Tha do chairdean bochd truagh dheth mu’n call. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 289] [Vol. 2. No. 38. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 14, 1894. No. 38. Na h,Innsean. Is dùthaich mhor na h-Innsean agus tha sluagh mor a chomhnuidh innte. A reir a chunntais mu dheireadh a rinneadh tha dlùth air tri cheud muillein anam anns na h-Innsean air fad, agus mar sin ’si dùthaich a’s tinne thig air Sina ann an sluaghmhoireachd de uile dhùthchannan an domhain. Tha moran dhaoine saoibhir anns na h-Innsean ach tha moran de ’n t-sluagh a tha anabarrach bochd ’nan crannchur, cho bochd ’s nach eil e ’nar comas-ne a thuigsinn. A mach as na bailtean mora oibrichidh duine air son tuarasdal cho beag ri tri sgillinnean an latha, agus ’s ann gle ainmig a gheibhear na’s àirde na sin. Tha na muilleinean air an tuarasdal bheag so, cha’n e mhàin ’g an cumail féin suas ach a cumail bean us teaghlaich. Faodar a thuigsinn nach eil aca ach beò bhochd. Tha ’bhliadhna, anns na h-Innsean air a roinn na tri aimsirean aimsir teas, aimsir fuachd, agus aimsir fhliuch. Re na h-aimsir theth tha ghrian cho sgàldach teth ’s nach urrainnear dol a mach o dhruim taighe no obair sam bith a dheanamh ach moch us anmoch. Tha’n talamh a tiormachadh suas agus a fàs ruadh, ach nuair thig an aimsir fhliuch, tha na craobhan ’s na machraichean a fàs cho uaine ’s cho dreachor ’s a chithear iad ’san dùthaich so féin toiseaeh an t-samhraidh. An deigh sin thig an aimsir fhuar agus ’s ann an uair sin a bhios na measan agus uile thoradh na talmhainn abaich agus air am buain. Tha ’n sluagh anabarrach aineolach agus tha moran saobh-chreidimh nam measg. Cha’n abair bean uair sam bith ri te eile, “Nach làidir fallain an coltas a th’ air an leanamh agad,” ach their i ’n àite sinn, Nach bochd an dreach a th’air a phàisde sin.” Ma mholas i e bidh eagal air a mhàthair gu laidh a sùl air. Tha moran lobhar anns na h-Innsean mar anns na dùthchannan an Ear air fad, ach gus an d’ fhuair Breatuinn an uachdaranachd ’na làimh féin cha robh cùram sam bith air a ghabhail dhiubh ’s cha robh innleachd sam bith air a chur an cleachdadh gus a phlàigh a chumail o sgaoileadh. Bha taighean-eiridinn aca do ainmhidhean air am biodh tinneas no galair sam bith ach cha robh suinn sam bith air a ghabhail dhe na lobhair. Ach thug Breatuinn cùisean gu bhi na b’ fhearr, agus tha taighean air an cur suas an sid ’s an so air an son. Tha aon de na ceud thaighean dhe’n t-seòrsa so a chuireadh suas ann am baile beag d’an ainm Almora a tha air a shuidheachadh ann an gleann uaigneach am measg nam beanntan Himalaya, agus tha mar a’s trice eadar ceud gu leth us tri cheud ann. Tha’n sluagh de dh’ iomadh aidmheil, Hindùich, Buddich, Mahometanich, agus Sikhich, a bharrachd air còrr us da mhuillein a tha ’g aidmheil a chreidimh Chriosdail. Tha e air aithris orra nach eil suim sam bith aca de chall tìm; ma tha duine dhiubh dol air thurus air an rathad iaruinn, theid e thun a challa na dh’ fhaoidte dha no tri dh’ uairean mu’n tig an carbad, air son a bhi cinnteach as a thurus. Chithear air uairean calla mar sin air a dhòmhlachadh le sluagh a tha feitheamh gu foighidneach ris a charbad a tha fhathast ceud gu leth no da cheud mile air falbh. Riamh o’n fhuair Breatuinn greim daingeann air an dùthaich, tha cor an t-sluaigh a dol na’s fhearr na bha e. Tha sgoiltean agus collaisdean air an cur suas anns gach cearna, agus tha eòlas ’ga chraobh-sgaoileadh am measg na h-òigridh. Tha mar an ceudna ceartas air a dheanamh eadar duine agus duine, tha droch laghannan agus droch chleachdaidhean air an cur air chùl agus tha gach bliadhna ’thig a faicinn riaghailtean ùra air an dealbh air son math na dùtcha. Tha’n t-side a fuireach gle fhuar air son an earraich. Tha meallan mora dhe’n deigh mu’n cuairt dhe’n eilean, agus fhad ’sa bhitheas bidh gaoth tuath us fuachd againn. Bha fear Domhnullabh a mhuinntir an Eilean Mhoir air a robaigeadh air an rathad mhor faisg air a Bhras d’Or Bheag an oidhche roimhe. Bha e air a thurus dhachaidh o chosnadh agus bha sporan math airgid aige. Aig a Bhras d’Or bheag thaghail e ann an ’s tigh an àbhaist dhaibh-san air am bi ’m pathadh tric a bhi taghal, agus bha fear no dithis ann an sin a thug an aire dha na bha dh’ arigiod aige, agus an deigh dha falbh thug ìad a mach as a dhéigh agus thug iad air a chnid airgid a thoirt suas, a bagairt air mur deanadh e sin gun toireadh iad a bheatha dheth. Chà’n fhaod a bhith nach dean an lagh greim aìr an dithis ud agus nach peanasaichear iad. Tha e na ni nàr du dhuthaich Chriosdail coltach ri so ma leigear a leithid sid air adhart. Iadsan a Phaigh. Uilleam Mac Coinnich, Dùneidaenn, Alba. Padruig Mac-an-t-Saoir, “ “ Arthur Morgan, “ “ Niall Mac Leòid, “ “ Seumas Mac Amhlaidh, Caledonia, P. E. I. Iain R. Mac Leòid, Darlington, “ M. H. Mac Coinnich, Rose Valley, “ Gilbert Mac Leòid, Hamilton, Ont., D. I. Caimbeul, “ “ J. J. Mac Rath, Martintown, “ J. J. Domhnnllach, Alexandria, “ Dr. F. Mac Fheaghais, New York, Senmas Mac Neachtain, S. R. Lake, N. S., Uisdean Mac-an-Tòisich, “ “ A. D. Mac Dhiarmaid, Stirling, C. B. Iain Mac-a-Phiocair, Catalone, Alasdair Mac Gilleain, “ D. J. Mac Leòid, Sidni, Seumas C. Domhnullach, Iona, Alasdair S. Mac Leòid, Framboise, Alasdair A. Mac Leòid, “ Tòmas Mac Cuidhean, Micheal Gillios, B. C. Chapel, Iain Mac Ille-mhaoil, An Bai ’n Ear. ’S ann aig D. J. Domhnullaeh air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. [TD 290] [Vol. 2. No. 38. p. 2] NA SEAN-FHACAIL. THA barrachd gliocais air fhilleadh a staigh anns na sean-fhacail na tha iomadh neach an duil. Mar is dluithe ’ghabhas sinn beachd orra ’s ann is mo ’chuireas e dh’ ioghnadh oirnn gu’m biodh na daoine’ bh’ ann o shean comasach air briathran cho glic ’s cho geur-chuiseach a chur an altaibh a cheile. Ach tha aobhar a bhith creidsinn nach robh na sean-fhacil gu leir air an labhairt le daoine ris am faoidte daoine glice a radh. Is iomadh uair a chuala sinn dearg amadain a’ labhairt bhriathran a bha araon glic agus geur-chuiseach. O’n a chuireadh cainnt ghlic ghleusda ’n amadain mor-ioghnadh air iomadh neach, bhiodh i, air an aobhar sin, air a cumail air chuimhne, ma dh’ fhaoidte, moran ni b’ fhearr na cainnt nan daoine tuigseach, turail; oir cha bhiodh e idir ’na ioghnadh ged a labhradh daoine tuigseach cainnt anns am biodh gliocas agus tur nadair. Tha sean-fhacal ann a tha ’g radh— “Is minic a bha comhairl’ an righ ann an ceann na h-oinid.” Ged a tha so fior, tha e mar an ceudna fior gu’m b’ iad na daoine bu ghlice ’s bu tuigsiche ’bha ri ’m faotainn anns gach linn a labhair na sean-fhacail anns am bheil doimhneachd gliocais. Bhuilicheadh tomhas mor de thur nadair air na daoine so, agus o’n a bha iad a’ gabhail beachd gu curamach air gach ni a bha iad a’ faicinn agus a’ cluinntinn dh’ fhoghluim iad iomadh air nach gabhadh muinntir eile beachd sam bith. Mar is trice, tha na sean-fhacail a labhair iad so fior, aig gach am, agus anns gach aite. Mar dhearbhadh air so gabhamaid na sean-fhacail a leanas— “An car a th’ anns an t-seana mhaide, ’S diocair a thoirt as.” “Is fhearr am beag seadhach Na ’n draghaiche mor, mi-ghniomhach.” “Tha ’smudan fhein a ceann gach foid, ’S a bhron fhein aig gach neach.” Ach tha moran bhriathran air an gnathachadh mar shean-fhacail nach ’eil idir fior aig gach am, agus anns gach aite. Bha iad aon uair fior, gu’n teagamh sam bith, agus faodaidh iad a bhith fior an corr aite fhathast. Is ann diubh so an sean-fhacal a leanas— “Cha ’n fhiach taigh mor gun straighlich.” Cha ’n ’eil e idir furasda ’thuigsinn gur e duine glic, tuigseach, turail a labhair na briathran so an toiseach; oir cha chomharra gliocais air fear sam bith anns an linn ’s am bheil sinne beo a bhith ’n geall air straighiich. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh ’eachdraidh fhein aon uair aig gach sean-fhacal. Beag air bheag chaidh na h-eachdraidhean air dichuimhn, ged a chumadh na sean-fhacail air chuimhne. Nan robh na h-eachdraidhean so air chuimhne chuireadh iad solus air cuid dhe na sean-fhacail nach ’eil gle shoilleir annta fhein. Nan cuireadh na Gaidheil rompa gu’n deanadh iad e, cha ’n ’eil teagamh nach rachadh aca air comh-chruinneachadh mor a dheanamh suas a dh’ eachdraidhean shean-fhacal, a bheireadh araon toileachadh agus fiosrachadh seachad a dh’ iomadh neach. Rinn an Siorram Mac Neacail obair air son am faigh e cliu fhad ’s a bhios fior Ghaidheal air ur-uachdar na talmhainn, an uair a chruinnich e aireamh mhor dhe na sean-fhacail a bh’ air thuar a dhol air dichuimhn air feadh na Gaidhealtachd. Cha ’n ’eil teagamh nach robh fhios aige air eachdraidh mhorain shean-fhacal. Ach o nach robh aite aige dhaibh anns an leabhar, b’ eiginn am fagail gus am faighte uine agus am freagarrach air an cur ann an leabhar leo fhein. Nach biodh e fior fhreagarrach cuid de na h-eachdraidhean so a chruinneachadh. Tha mi’ beachd gu ’m biodh, agus air an aobhar sin, bheir mi fhein an oidhirp, air a h-aon, air a’ bheagan a th’ agam air chuimhne dhiubh a chur ad’ ionnsuidh. Toisichidh mi leis an eachdraidh aig an t-sean-fhacal a leanas— “Cadal fada ri gaoith mhoir ’S a’ chlann a chumail o’n teine.” Bha tuathanach gasda, cothromach ann aon uair ris an cainte, Mac Ill Riabhaich, agus cha robh aige ach aon nigheann. Bha i ’na h-ighinn bhanail chiuin, mhaisich, ghlic, dheanadaich, agus air an aobhar sin bha h uile fleasgach a b’fhearr ’s bu spaideile na cheile ’bh’ anns an duthaich an toir oirre. Anns an am ud b’ ann aig na parantan a bha ’m facal a b’ airde an am a bhith taghadh fhear d’ an cuid nigheann. Air uairean bha ’n cleachdadh so a’ deanamh beatha iomadh te glé mhi-shona. B’ eucorach an ni toirt air nighinn ghrinn, ghlain, oig duine dona air nach biodh gaol aice ’phosadh, ma thachair gu robh deannan aige de smodal mosach an t-saoghail so. Ach air a shon sin, bha, agus tha e ceart gu ’m biodh facal aig na parantan anns a’ chuis. Tha cuid de na nigheannan oga nach toir fa near co dhiubh tha gus nach ’eil na fir de ’n dean iad roghainn ’nan daoine glice, deanadach, steidheil gu leor, agus mar sin, tha e feumail gu’n tugadh na parantan agus na cairdean am beachd dhaibh air ciod bu choir dhaibh a dheanamh. A thaobh am faicinn, cha robh cearb air fear seach fear de na spalpairean a bha ’n toir an aon nigheann Mhic ’Ille Riabhaich. Ach cha ’n ann air am faicinn is coir gillean oga agus nigheannan oga ’ghabhail idir. A h-uile fear a rachadh a dh’ iarraidh na h-ighinn air Mac ’Ille Riabhaich, theireadh e ris, “Bi thusa, ’laochain, a’ falbh dhachaidh an diugh, agus cuiridh mise fios ort an uine gum bhith fada, agus gheibh thu freagairt an uair sin.” Bha h-uile fear dhiubh ’ga dheanamh fhein lan chinnteach gur e ’gheibheadh an nigheam, agus mar so, bha iad a’ tighinn beo ann an dochas. Mu dheireadh thall fhuair gach fear dhiubh cuireadh gu dhol do thaigh Mhic ’Ille Riabhaich air an aon latha. An ùair a rainig iad bha lamhan sgaoilte rompa, agus chuireadh am pailteas de gach ni a b’ fhearr a bha fo na sparran fa ’n comhair. Bha Mac ’Ille Riabhaich fhein far am bu choir dha, ’na shuidhe aig ceann a’ bhuird, agus a nigheann aig a’ cheann eile, agus na fleasgaich air gach taobh de ’n bhord. An uair a ghabh iad na thainig riutha de ’n bhiadh, ’s a thogadh air falbh gach ni a bh’ air a’ bhord, labhair Mac ’Ille Riabhaich mar so:— “Tha ’n t-am againn a nis an gnothuch sonraichtc air son an d’ thainig sibh a chur an dara taobh. Tha fhios agaibh nach urrainn mise mo nigheann a thoirt ach a dh’ aon fhear dhibh. O nach ’eil mi cho eolach oirbh uile ’s bu mhiann leam a bhith, feumaidh mi ceisd a chur air fear an deigh fir dhibh. An uair a chluinn mi bhur freagairtean, an sin innsidh mi dhuibh co dha ’bheir mi mo nigheann.” Thoisich e aig an fhear a bh’ air a laimh chli, agus ghabh e roimhe deiseal a’ bhùird. Ri fear an deigh fir thuirt e, “Ciod a ni thusa?” Thug fear an deigh fir a [TD 291] [Vol. 2. No. 38. p. 3] fhreagairt fhein seachad, agus nam b’ fhior iad fhein, cha robh na b’ fhearr na iad, anns gach doigh air an gabhta iad, ri ’m faotainn am measg na bha de fhleasgaich oga ’s an duthaich gu leir. Ach thuirt am fear mu dheireadh air an do chuireadh a’ cheisd, am fear bu dluithe dha air a laimh dheis—“Ni mise cadal fada ri gaoith mhoir, cumaidh mi clann o’n teine, agus gairmidh mi cairdean gu cuirm.” An uair a chuala na fleasgaich eile so, theann iad ri gaireachdaich. Bha iad a’ smaointean gu’n deanadh am burraidh a b’ aineolaiche’ bh’ anns an duthaich na nithean so a cheart cho math ris an duine bu tuigsiche air an cualas iomradh. “Deanaibh air bhur socair, fhearaibh,” arsa Mac ’Ille Riabhaich, “sid am fear a gheibh mo nigheann-sa. Cha ’n eil e idir cho amaideach ’s a tha sibh am beachd. Tha mise ’g a thuigsinn gle mhath.” Sheall na fir air a cheile le mi-cheatamh, dh’ eirich iad o’n bhord, ’s dh’ fhalbh iad. Nis, cha ’n ’eil e idir furasda do neach na briathran a labhair an t-oganach so mar fhreagairt do ’n cheisd a thuigsinn. B’ e dubh-fhacail a bh’ annta ’n uair a labhradh iad, ged a tha iad a nis nan sean-fhacail. O ’n a tha so mar so, feumar beagan mineachaidh a thoirt orra. Le, “Cadal fada ri gaoith mhoir,” bha ’n t-oganach a’ ciallachadh gu’m biodh na taighean ’s na cruachan cho math air an tubhadh ’s air an siomanachadh aige mu ’n tigeadh stoirmeannan a’ gheamhraidh ’s nach ruigeadh e leas eiridh as a leabaidh an uair a sheideadh an stoirm. Le, “Cumaidh mi clann o’n teine,” bha e ’ciallachadh gu’m biodh lan-phailteas de chonnadh aige h-uile latha ’s a’ bhliadhna, agus mar sin, gu ’m biodh teine mor, math aige air a’ chagailt’ a chumadh, le a theas, a’ chlann a mach uaith. Ged is iomadh uair a loisgeadh clann bheag, is ro ainneamh a loisgeadh riabh iad le teine mor. Tha so anabarrach comharraichte. Le, “Gairmidh mi cairdean gu cuirm,” bha e ’ciallachadh gu ’n taghadh e na fior chairdean a measg nan cairdean ’s an luchd-eolais. A reir choltais, cha do thuig Mac ’Ille Riabhaich fhein lan-bhrigh nam briathran so. B’ i ’cheud obair a fhuair an t-oganach uaith ri ’deanamh, cairdean a ghairm gu cuirm. An uair a bha ’chuirm deas, dh’ fhalbh e ’na dheannamh dearg o bhaile gu baile, àgus o thaigh gu taigh, ag eigheach aig na dorsan, “Taigh Mhic ’Ille Riabhaich a’ dol ’na theine! Taigh Mhic ’Ille Riabhaich a’ dol ’na theine!” An uair a chuala na fior chairdean so, ’s gann a dh’ fheith iad ri ’m brogan a chur umpa. Mar so bha e air a dhearbhadh gu soilleir co a bha ’nam fior chairdean, agus co nach robh. Mar is trice cha ghnathaich muinntir ach a’ cheud chuid de ’n t-sean-fhacal air an robh mi toirt iomraidh. Is ann ro ainneamh a bheirear iomradh idir air chuid mu dheireadh dheth. Tha moran eile de na sean-fhacail air an d’ rinnoadh a cheart diol. Is ann diubh iad so— “’S beag orm an rud nach toigh leam— Eireagan a’ dol nan coilich.” “Ol Mhurchaidh is Fhearchair— Lan a null ’s lan a nall.” “Cha ’n fhan muir ri uallach, ’S cha dean bean luath maorach.” LAIN. Tha J. J Mac Rath a sgriobhadh do ar n-ionnsaidh a Baile-Mhàrtainn, an Ontario agus a cur da dhollar air adhart, aon air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fèin, agus aon air son bliadhna dheth do charaide dha a tha gabhail a phaipeir as ùr. Tha sinn fo chomain mhòr do Mhr. Mac Rath air son so agus tha sinn an dòchas gu’m gabh a chuid eile d’ar luchd-leubhaidh ’eiseamplair. ’Nan deanadh gach aon a tha gabhail MHIC-TALLA, aon chairid eile dheanamh eòlach air cha b’ fhada gus am biodh a chairdean gu math lionmhor. Cia meud a ni so? REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts., agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 292] [Vol. 2. No. 38. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APPIL 14, 1894. Dh’ aòntaich Tigh nan Cummantach ’sa Phàrlamaid Bhreatunnach air an t-seachdain ’sa chaich gu’m biodh e iomchnidh féin-riaghladh a thoirt a dh’ Alba. Tha e ’na ni a chuireas ìonghnadh air duine fhaicinn gu bheil Alba dol a dh’ fhaotainn féin-riaghladh ged nach eil a chuid mhor dhe’n t-saoghal fiosrach air gu’n robh na h-Albannaich ’ga iarraidh, agus an ni ceudna air a dhiùltadh do na h-Eirionnaid a dh’ aindeoin an dian-iarratasan agus an bagiadhean. Ach feumar a chumail air chuimhne gu bheil na h-Eirionnaich a deanamh cron mor dhaibh féin anns a chùis. Cha ’n e mhain gu bheil iad ag iarraidh féin-riaghladh ach tha moran dhiubh a tha ’g iarraidh bhi air am fuasgladh o chrùn Bhreatuinn gu buileach. Sin rud ris nach ruig iad a leas sùl a bhith aca, rud nach eil ’s nach bi Breatuinn deònach a thoirt daibh, agus cha’n e mhain nach faigh iad sin, ach tha Breatuinh cho beag earbsa asda ’s gu bheil i a cumail féin-riaghladh uapa air eagal ’s gun cleachd iad an cumhachd a bheireadh sin dhaibh ann a bhi ’g an sgaradh féin uaipe gu buileach. Cha’n eil teagamh idir nach robh Eirinn air a droch riaghladh san am a dh’ fhalbh, ’s cha’n eil teagamh nach eil beagan dhe sin air leantuinn rithe thun an latha ’n diugh, ach thatar a cur as do na droch reachdan a lion beagan us beagan agus tha reachdan na’s fearr a tighinn ’nan àite. Tha fhios gu’m biodh e chum math nan rioghachdan air leth agus chum math na h-Iompaireachd Bhreatunnaich air fad, na’m biodh pàrlamaidean beaga dhaibh féin, cha’n ann a mhain aig Eirinn ’s aig Alba, ach mar an ceudna aig Sasuìnn ’s aig Wales. Tha’n obair a tha ri dheanamh do na ceithir dùthchannan tuilleadh ’sa chòir air son a bhi air fhàgail aig aon phàrlamaid. Tha moran ùine air a chosg an dràsd anns a phàrlamaid Bhreatunnaich a deanamh reachdan beaga de nach eil a chuìd mhor de na buill a gabhail suim sam bith. An duigh ’s ann a deanamh riaghailtean mu ni-eigin ann an Eirinn, agùs cha’n eil na Sasunnaich no na h-Albannaich og radh dad; am màireach bidh iad a deanamh ni eile air iarrtus nan Albannach agus cha bhi e cur dragh sam bith air na Sasunnaich no air na h-Eirionnaich. Ach ’s e ’s dòcha nach lean iad ùine ro fhada air an dòigh so. Gheibh Eirinn parlamaid dhith féin ged tha i tighinn gu math slaodach; gheibh Alba a pàrlamaid féin agus bheirear an ni ceudna do Shasuinn ’s do Wales. Cha bhi aig an Ard-pharlamaid an sin ri dheanamh ach a bhi dealbh reachdan ’sa cur an òrdugh mithean a bhios cho math ’s cho math do gach rioghachd fa leth. Tha cuid de dhùthchannan na Roinn-Eorpa tha fulang moran leis an droch shluagh ris an canar “Anarchists.” Tha iad anns an Fhraing, ’sa Ghearmailt, am Belgium ’s ann an Ruisia, agus ge be àite ’m bi iad cha rud math sam bith a bhios fa near dhaibh. Tha na dùthchannan a dh’ ainmich sinn air fàs sgith dhiu agus a deanamh laghannan cruaidhe nan aghaidh. Tha fios us cinnt gu bheil iomadh ni caarr ann an riaghladh nan dùthchannan sin mar tha ann an riaghladh gach dùthaich eile, ach cha’n e ’n dòigh a’s fheau air an ceartachadh a bhi feuchainn ri cur as do dhaoine le ’n séideadh suas le fùdar us dynamite. Tha e glé choltach gu’m bi co-bhonn air a dheanamh leis na rioghachdan uile air son na h-anarchists agus an ais-innleachdan a chur fodha. Cha’n eil e idir freagarrach gu’m plàighean mar tha iadsan a cur beatha agus cuid dhaoine eile ann an cunnart. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Giliag. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 293] [Vol. 2. No. 38. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha luibhre air bristeadh a mach a measg muinntir Shina ann an Columbia Bhreatunnach. Bha’n corp aig Lachuinn Mac Fhionghain, a bh’air a bhàthadh aig Drochaid Mhabou toiseach a Mhàrt, air fhaotainn feasgar na Sàbaid s’a chaidh. Chaidh bàthach each a losgadh ann am Baltimore, Di-Màirt s’a chaidh ’s chaidh sia fichead each agus corr us seachd fichead carbad a losgadh na bhroinn. Tha e air a ràdh gu bheil soitheach Geancach a tighinn gu Sidni cho luath ’sa bhios an acarsaid fosgailte gus luchd guail a thorit air falbh gu New Grenada an ceann a Deas America. ’S e so a cheud luchd guail a chuir Ceap Breatnnn do’n dùthaich sin riomh. Tha Iris-leabhar na Gaedhlige air tighinn gu ’r làimh uair eile. An deigh so tha e ri bhi air a chur a mach uair ’sa mhios an àite còig uairean ’sa bhliadhna mar bha e roimhe so. Tha sinn glé thoilichte fhaicinn gu bheil a dol cho math dha, ’s ma’s math a tha gu ma seachd fearr a bhitheas. Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal, a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873? Thainig stoirm mhor eile oirnn Di luain s’a chaidh, stoirm a chuir as ar cuimhne an t-sìde bhlàth bha ann roimhe. Thoisich an sneachda air cur tràth ’sa mhaduinn Di-luain agus lean e gun lasachadh gu maduinn Di-màirt. Thuit moran sneachda agus leis a ghaoith a bhi séideadh gu làidir chaidh e na chitheachan agus tha na ròidean air an dùnadh. Bha’n carbad-smùide air a chumail fadalach oidhche Di-luain ’s Di-màirt. Ach tha blàths an earraich againn a nis agus cha mhair an sneachda fada. Tha càball mor eile ri bhi air a chur troimh ’n Atlantic air an t-samhradh so tighinn. Tha àireamh chàball dhe’n t-seòrsa so a ceangal America ris an Roinn Eòrpa cheana ach the a leithid de chòmhradh aig muinntir an da thaoibh ri dheanamh ri chéile ’s gu bheil e air a mheas iomchuidh fear eile chur ann. Cha’n eil teagamh nach iad so na cearcaill iaruinn a chunnaic Coinneach Odhar a dol mu’n cuairt dhe’n t-saoghal. ’Na latha san ’s beag iomradh a bh’air telegraph na air moran de nithean eile air am beil sinne ’n diugh cho eòlach ’s ged bhiodh iad ann o linn Noah. NAIDHEACHDAN. Tha’n obair chreadha aig an International Pier a nis ullamh agus tha ’n luchd oibreach a bha ris an obair sin an déigh falbh. Tha àireamh de dh’ Eadailtich ’s de Hungarianich air tighinn do’n eilean air son a dhol a dh’ obair air an rathad-iaruin re an t-samhraidh. Tha na h-uireid de chloinn anns a bhaile tinn leis an fhiabhrus dhearg an dràsda agus tha na sgoiltean air an cur nan tamh eagal gun sgaoil am fiabhrus. Tha muinntir a bhaile so a gearain air droch cleachdadh a th’aig cuid a dhaoine a bhi fàgail chrasluichean marbha air deigh na h-acarsaid. Tha e na ni mi-thlachdmhor, gle bhuailteach air tinneas a thogail, agus bu chòir stad a chur air. Aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh bha Mr Routledge a tha chòmhnridh aig Charring Cross mu mhile nach as a bhaile, air a dhùsgadh as a chadal le straoighlich a dh’ fhairich e ’n ceann eile ’n taighe. Chaidh e sios gu cabhagach agus fhuair e an sin duine beag bàn a rùrach gach ni a thigeadh ’na rathad. ’Nuair a chunnaic e fear an taighe, thug e chasan leis a mach air an dorus a faotainn ’san fhàgail, cnag no dha ma’n druinnean. Cha d’ fhuaras sgeul air uaithe sin. Bha glas an doruis air a bristeadh. Thainig Deòrsa Anderson, Cow Bay ri bheatha fhéin ’sa mhaduinn Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Beagan uine mu’n d’ rinn e ’m gniomh chaid e mach do stòr a bha faisg air laimh, agus cheannaich e na h-uiread de nithean beaga, a measg chàich fùdar us luaidhe. Air dha tighinn dhachaidh chaidh e dh’a rùm féin agus an ceannn beagan mhionaidean chualas urchair. Tiotadh beag an déigh sin fhuaras marbh e, an deigh an urchair a chur troimh ’cheann. Tha muinntir Halifax a’ gabhail ionghnaidh de thriuir luchd-imrich a tha sa bhaile sin, a tha air tighinn dìreach as an Fhraing ach aig nach eil facal Frangais nan cinn. Tha iad a mhuinntir cearna de’n Fhraing ris an canar Brittany, an dearbh àite o ’n d’ fhuair an t-eilean againn féin ’ainm. Anns an dùthaich bhig sin cha Fhrangaich an sluagh idir; ’s e th’ annta meur dhe’n aon stoc ris na Gaidheil, na h-Eirionnaich agus na Welshich, agus tha fiamhachd mhor aig an cànain ri cànain nan Welshach agus ris a Ghàilig. Tha iad fhéin ’s na fior Fhrangaich cho eadar-dhealaichte o chéile ’s tha Gàidheil us Goill Alba. Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 294] [Vol. 2. No. 38. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. (Air a leantuinn.) THA sinn a nis da rìneamh ’s a Ghàidhealtachd oir cha ’neil calla gus an tig sinn nach eil a Ghàidhlig g ’a frasadh air gach laimh dhinn. Dhealaich sinn, aig Calla Ghairbh, ris na h-Urr. Mac Ghille Mhaoil a Ullapul agus Mac Leòid as a Chòigich. Bha aca so ri carbud each a ghabhail air son leth cheud mile mus ruigeadh iad dhachaidh. Chabhagaich an sin an t-each iaruinn sinn thainis air na garbhlaichean sin eadar Gairbh agus Loch-carunn. Tha sinn a nis ’an sealladh air beanntanan mòra Loch-carunn agus tha ri fhaicinn air gach laimh dhinn raointean mòra do dh’ fhearann gu ’n duine a’ gabhail còmhnuidh orra. Tha stàirneich ar cuibhlichean a faotainn freagradh o mhac talla nam beann air gach taobh dhinn agus chìteadh na caoirich mhòra a teicheadh a null agus a nall aig nuallan (sitreich a b’ àill leam a ràitinn) ar ’n eich iaruinn. Tha sinn à nis am fiannis Lochcarunn. Tha calla an eich iarruinn air aonach a bhruthaich agus chi sinn am baile aig bonn na beinne air taobh a tuath a ghlinne. Feumaidh gu’r e àite taitneach a bhi chòmhnuidh ann a tha ann leis a bheinn mhòir ag cumail fasgaidh air o’n ghaoith a tuath agus a ghrian a taomadh a blàthais air o ’n taobh a deas. Tha m’ inntinn gu mòr air a lionadh le tograidhean air son sgriob a thoirt air feadh an àite so. Is ann an so a shaoithrich an duine ainmeil Lachlain Mac Coinnich o chionn dlùth air ceud bliadhna. Tha gach àite timchioll làn do chuimhneachanan air a ghniomharan agus a bhriathran. Tha e air aithris gu’n d’ thubhairt e goirid mu’s do bhàsaich é ma bhà esan ag innseadh na fìrinn dhaibh gu’m fàsadh craobh ’s an àite ’s an robh e na sheasamh (a chùbaid) agus nach faigheadh duine bhiodh beò samhla a cuid fiodha. Dh’ fhàs a chraobh cinnteach gu leòr agus, mu’s fior an ràth, cha ’n eil ainm air an fhiodh a tha innte. Gu bhi a’ soilleireachadh a chreideis a tha aig muinntir an dùthcha ann an spiorad fàthadaireachd Mhaighstir Lachlain innsidh mi a naigheachd bheag a leanas. Chaidh duine còir a mhuinntir Cheap Bhreatuinn air chuairt do Loch-carunn a chionn faisg air fichead bliadhna agus air dhà a bhi ’an comunn bana-charaid dha a dol mu’n cuairt, thàinig iad gu ballachan Eaglais Mhaigstir Lachlain. Sheall i a chraobh dha agus ars ise. “Dh’ fhàs i mar a thubhairt an duine beannaichte.” Thug an Ceap Breatuinneach slis aisde agus, ceart gu leòr, cha do rinn e ’mach am fiodh. “Am bheil thu féin a’ creidsinn gu’n d’ thubhairt Maighstir Lachlain a chainnt,” ars esan? “O ’s mi a tha” ars ise. “Agus cia mar eile,” ars ise, “a dh fàsadh a leithid do chraoibh na leithid do dh’ àite?” “Mu tà innsidh mise sin dhuit,” ars esan. “’Nuair a bhitheas eòin a tha air falbh fad a gheamhraidh anns na dùthchannan mu thuath a tighinn air ais an toiseach an t-samhraidh bithidh iad ag itealaich thairis air na h-àiteachan so agus thachair gu’n d’ rinn aon dhiubh aolach ’s an dearbh àite so, agus ’s an aolach sin bha fras coille a Lochlunn, na cearn eile, as an do dh’ fhàs a chraobh so.” Bha a bhean bhochd air a h-uamhasachadh. Cha robh i air a cleachdadh ri leithid so do reusonachadh oir bha i a’ creidsinn ann an fàthadaireachd Mhaighstir Lachlain ceart cho mòr ’s a bha i ’s a Bhiobull. Ach fàgaidh sinn an ceann so oir tha sinn ri cunntas a thabhairt air cearnaibh eile do ’n Ghaidhealtachd. Tha sinn a nis air ar turas sios le gleann agus ri cliathaich na beinne mòir air taobh a deas a ghlinne gus mu dheireadh am bheil sinn aig a chladach agus ’s an àite sin ris an abair iad “An Stròm.” Tha dà bhàta Smùid g’ar feitheamh aon air son luchd turais a thabhairt gu Steòrnobhadh agus aon eile air son Phort Righ. Ghabh mi te Phort Righ agus thug i mi ’an uair do thìm gu Ploc Loch Aills far an do rùnaich mi fuireach car oidhche. Fhuair mi aoidheachd an tigh ministeir na h-Eaglais Shaoir, Maighstir Sinclair. Cha robh àite air mo shon ’s an Tigh Osda. Is e baile beag iasgaich a tha ’n so. Cha ’n eil tigh ann ach tigh dà shimileir agus tha coslas air mòran do bhochdain crannchuir air an luchd àiteachaidh. Chuir mi seachad oidhche thoilichte comhla ris an duine dhiadhaidh so. Bhà e a’ toirt dhomh mòran do naigheachdan air na seann athraichean a dh’ fhalbh. Chaidh sinn cuairt a dh’ fhaicinn an àite agus thainig sinn gu cùil no glaic anns an robh gàradh air a thogail agus dorus air. Dh’ fhosgail e ’n dorus agus ’nuair a chaidh sinn a steach bha ann an sin bocsa a chomanachaidh agus air gach laimh dhe agus mu choinneamh bha sreathan do dh’ àiteachean suidhe air an deanamh le ceapan, aon ag èiridh air cùl aoin mar a gheibhear ann an Tighean Ionghaidhean agus cluich chleasan (Theaters) ’s na bailtean mòra. (Ri leantuinn.) POSAIDHEAN. Air a Chladach a Tuath, air a 22mh la dhe’n Mhàrt, leis an Urr. Iain Friseal, Iain Mac Gille-Mhicheil us Anna Mhathanach, nighean do Choinneach Ma thanach. Am Mira a air an 2ra latha dh’ April, leil an Urr, Uilleam Calder, Domhnull Mac-a-Phiocair us Flòiridh Nic Gilloain. Air an treas latha de dh’ April, leis an Urr. Uilleam Calder, Alasdair Mac-an-t-Saoir, Loch Ghabarus, us Seonaid Nic Gille-mhoire, Mira. Aig a Bheinn Bhreagh, Baddeck, leis an Urr. D. Dùghallach, Iain Mac Philip us Rose Nic Cann. An Antigonish, air an 27mh la dhe’n Mhart, leis an Urr. Uisdean Gillios, Aonghas Camaran us Anna Nic Gillebhràth. Aig Loch Ainslie, air an 13mh la dhe’n Mhàrt, leis an Urr. Alasdair Grannd, Eachunn Mac Phail us Seònaid Dhomhnullach. Aig Guernsey Cove, E. P. I., air an 29mh la dhe’n Mhàrt, leis an Urr. Eoghan Gillios, B. J. Beck us Sine Aoidh. BAIS. Aig New Glasgow, April 1, Seònaid Stiùbhart, bantrach Uisdein ’Ic Aoidh, 66 bliadhna dh’aois. Aig New Glasgow, 31mh la dhe’n Mhàrt, Iain Mac Raing, 45 bliadhna dh’ aois. Aig taobh tuath Rudha Sheòrais, Antigonish, 25mh la dhe’n Mhàrt, Alasdair Mac-an Leigh, 65 bliadhna dh’ aois. Aig Glen Road, Antigonish, an 23 la dhe’n Mhàrt, Seonaid Chenadach, 60 bliadhna dh’ aois. R. I. P. Aig Mabou Bheag, Mairi Nic Gilleain, bean ’Iaan ’Ic Isaic. R. I. P. Aig Irish Cove, an 25mh dhe’n Mhàrt Mairi Nic Gilleain, bantrach Iain Ghillios. R. I. P. Aig Fourchu, April 1d, Sine, bean A. D. ’Ic Aoidh, nighean do dh’ Ullleam Domhnullach, 20 bliadhna dh’ aois. THA MEAS AIR MINARD’S LINIMENT. C. C. RICHARDS & CO. Cuir thugam air a cheud la de dh’ April 1440 dusan botull de Mhinard’s Liniment, fiach $2000.00, agus paighear thu mar a’s àbhaist. F. J. BARNES. St. John’s. Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. [TD 295] [Vol. 2. No. 38. p. 7] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D CAIB. VI.—Air a leantuinn. Bha brataichean fada ’snàmh agus ag criothnachadh anns an iarmailt; bha brat-roinn sin a ta neo-fhaicsineach air na da mhìr, chriothnaich na reultan le mor ghàirdeachas, agus chualas iolach mar fharam sluaigh a bhaile mhoir aig crùnadh an rìgh. Aig sàmhchair na meadhon oidhche mar an ceudna, chunnaic Timoteus a bha ’na chaithris an crann mor a dealradh le solus neo-chumanta mar gu’m bitheadh ainglean Dhé a dìreadh agus a tearnadh air; cha do labhair e diog mu’n t-sealladh, ach chnuasaich e ’chùis ’na chridhe. Bha na maraichean a nis ag obair le ’n uile chridhe, agus bha iad ag ùrnuigh ri Dia air son gaoith fhàbharraich. Bha sìth nam measg, agus ma bha aon diu fhathast fo theagamh, bha an an-earbsa air a cumail am falach. Chuir Dearrsadh féin air coltas na h-irioslachd agus bha e farumach ann an ùrnuigh. Bha a ghluasad glé choltach ri sin o thùs. Bha Timoteus air a mheas airidh air urram leis gach aon air bòrd. B’e cheud ni a thug an-fhois do Chriosduidh nuair bha e aig àm bidh maille ri ’theaghlach ’sa thug aon fa-near nach robh am biadh cho blasda sa bha e ’sna làithean a dh’fhalbh. An uair dh’éirich e chum dol suas, dh’fheòraich a bhean dheth an ruigeadh iad fearann an ùine ghearr; “dh’fhaodadh atharrachadh bidh bhi ’na bhuannachd dh’n chloinn.” Fhreagair Criosduidh a mhain, “Tha fios aig ur n-athair cia iad na nithean a ta dh’uireasbhuidh oirbh.” ’Nuair chaidh e suas air clàr-uachdar na luinge, bheachd-smuainich e air am briathran agus rannsaich e a chairt-iùil a dh’fhaicinn am biodh ’nan comas beagan ùine chur seachad air eilean Riarachadh Saoghalta, eilean a thigeadh ’san t-sealladh am beagan làithean. Bha’n cùrsa bu dìriche dol seachad dlùth dha, agus bha e air àithneadh a sheachnadh. Cho-dhuin e uime sin nach tugadh e cluas do chànran na cloinne. Gidheadh, aig àm a bhidh, thug e-féin fa near gu robh an t-aran car domblasda agus an t-iasg car tioram. Bha fadal air na maraichean mar an ceudna air son atharrachaidh, air dha’n latha ’n diugh bhi coltach ris an latha ’n dé. Bha iad neo-chùramach ann a bhi ’socrachadh an inntinn air an tir dh’ionnsuidh an robh iad a triall, agus ’nuair chunnaic iad ’san astar eileanan a chuain, a mheas iad a riaraicheadh uile run an cridheachan, bha fadal orra gu dhol air tir, cha ne gu’n smuainich aon diubh gu’n aomadh iad Criosduidh bho ni air bith agus sin a sholadh esan bhi ceart. (Ri leantuinn.) Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 296] [Vol. 2. No. 38. p. 8] An Gobhainn. LE HENRY WADSWORTH LONGFELLOW. Tha cheardach bheag fo sgail na craoibh ’Tha cinntinn dluth do ’n stuaidh; Tha ’n gobhainn dreachmhor, laidir, treun, Le neul na slaint’ ’n a ghruaidh; ’S a ghairdean calma, feitheach, mor, Mar ghàd d’ an iarunn chruaidh. Tha ’fhalt dubh, fada, brisgeach, garbh, Tha ’aodann donn mar bhéin; Tha ’bhathais fliuch le fallus trom, ’S e ’n geail air ’obair fein, Gun sgath fo shuil an t-saogh’il air fad, ’S gun e ’n eis’meil neach fo ’n ghrein. O mhoch gu oidhch’, a ghnath ’s gun tamh, Cluinnidh tu ’bhuilg ri srann; A’s slachdraich ghramail an uird-mhoir, Gu riagh’ltcach, socair, teann, Mar bhuille cluig ’s a’ chlachan chiuin, Aig ciaradh feasgair fann. Aig dorus na ceardach, clann na sgoil’, Ged ’s aotram, ait an ceum, Seasaidh, le fiamh roimh ’n teine mhor, ’S na builg is toirmeach geum, ’S a’ coimhead nan sradan ’tha, mar mholl Air urlar-bualaidh, ’leum. Di-Domhnaich, an tigh-aoraidh Dhe, ’S a mhic ri ’thaobh le baigh, Suidhidh e ’g eisdeachd Sgeul na Sith,— A’s cluinnidh e ’nighean ghraidh A’ seinn gu binn ’s a’ choisir-chiuil, ’S lionaidh a chridh’ lan aigh. Tha ’guth, thar leis, mar ghuth a math’r, Am Paras Dhe a’ luaidh! Eiridh i suas ’n a bheachd a ris, Ged tha i sinnt’ ’s an uaigh; ’S le ’laimh chruaidh siabaidh e air falbh Na deura bharr a ghruaidh. Gu saoth’reach,—aoibhneach—doilgheasach, Tha ’bheatha ’ruith gun tamh; N ùr ’g a thoiseachadh gach moch, ’S e deas aig crìoch an là; Rud-eigin feuchta, rud-eigin réidh, ’S a dhuais,—trom-chadal tlath. Air son an teagaisg ’fhuair sinn uait, Taing dhuit a charaid chaoin; Mar so, air teallach dhearg an t-saogh’il, Oibrichear crannchur dhaoin’; ’S air innein cruaidh na beatha fos, Dealbhar gach gniomh a’s smaoin. Eadar. le MAC-MHARCUIS. Oran na Misge LE IAIN MOIREASTAN, GOBHA NA H-EARRADH. Na measaibh mo dhàn dhuibh a chàirdean mo ghaoil A mhàin air sgàth bàrdachd; tha gràdh ann dha ’r taobh; ’S e cuspair mo chàinidh a phlàigh sinn nach caomh, A’ MHISG thug sgrios mhìllte air mòran. SEISD. A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh o’n òl, A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh o’n òl, A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh o’n òl, Ma ’n sgriosair gu bròn fa-dheoidh sibh. Am b’ àill leibh mi chàineadh ur nàmhaid ro mhòr, ’Mhill an cliù air mor àireamh ’sa dh’ fhàg iad gun stòr; ’S dheth ’n anmaibh neo-bhàsmhor rinn tràillean gun deò, Gu ifrinn a bhròin ’ga seòladh. Mhill a mhisg ort do bhuitheas, ’s do chliù chuir gu làr, Dh’ fhag i creacht agus spùinnt ’thu gun ionntas, gun tàin, Mheall i riamh thu le sùgradh gus ’n do lùb thu dh’a càil ’S gu’n do dh’ fhàg i do’n ghràisg na do spòrs thu. Bheir i masladh us nàir’ ort a’s tàireil’ gu mor Na bhi do na ghràisg ad cheòl-gàire ’s làn-beoil, Mur pill thu tre ghràs bheir i bàs ort fa-dheòidh, ’S air t-anam bheis bròn gun dòchas. Mar mhill i do reusan, ’s troimh-chéil’ chur ad cheann, Mar bhrùid air bheag céille le déistinneachd cainnt, Bidh riasladh air Beurla, “Diel take it” ’s “G—— d—— m,” Bidh sid air gach ceann dhe chòmhradh. Gheibh fear a cheud dòrn air an t-sròin ’s ni i leum, Fear eile air a sgròbadh is tòiceadh na bheul, Bidh fiaclan fir leòinte is stòrradh na dheud, Is fhaluinn gu léir ’na stròicean. Fear ’sa cheann air a ghearradh, fear ’sa mhal’ air a ghruaidh, Fear a gearain fo’n chainneart, ag achain gu gu truagh Mar stamp iad air amhaich ’sa charraid bha cruaidh ’Nuair thuit e na luaithrean fòpa. Tha peanas na misge gu tric ’na ’sgiort féin, Aisinnibh briste, gu tric, is cnead cléibh, Guaillibh is iosgaidibh sioch thar a chéil’ Rinn crioplaich gun fheum do mhòran. ’S e sud a dh’ fhag àireamh cho bàrlagach, lom, ’S cho eòlach air snàthaid gu tàthadh nan clout; Air dath cha bhi tàire ma chàireas e toll, Geal, dubh, glas no donn, ma’s a clò e. Their thu rium nach fear pòit thu, chionn stip nach do phàigh, ’S nach do shuidh thu ’s tigh-òsda ’chionn còrr agus ràith, ’Nuair ’s fiosrach e dhòmhsa gun òl thu mar ràic ’Nuair gheibh thu deoch sglèip aip tòrradh. (Ri leantuinn.) Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 297] [Vol. 2. No. 39. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 21, 1894. No. 39. Sonas nan Ainmhidh agus nan Eun. Tha e ro thaitneach a bhi ’beachdachadh air suilbhearachd agus air toilinntinn nan ainmhidh agus nan eum, an uair a bhios an aimsir freagarrach air an gairdeachas a nithear leis na h-eoin bheag, agus na binn-cheilearan leis an seinn iad ri blathas an Earraich agus an t-Samhraidh? Is minic, air an doigh so, tha iad ’n an aobhar farmaid do mhac an duine, a tha, air amannaibh, trom, muladach le trioblaidibh, agus saruichte le h-amhgharaibh an t-saoghail aingidh so! Tha moran aig an duine ’n a chomas chum sonas nan creutair sin a mheudachadh, a thugadh dha air son feum araidh; feudaidh e bhi air son loin g’ a bheachachadh, agus air son an earraidh leis am bheil e air a sgeudachadh. Gu cinnteach, uine sin, ’s e dleas’nas an duine a bhi buntainn gu cairdeil riu. Tha cuid ann, gidheadh, a ta ’gabhail tlachd ann a bhi ’milleadh agus a’ marbhadh nam beathaichean neo-chiontach sin, nach ’eil a’ deanamh cron air neach no air ni sam bith mu ’n cuairt doibh. Tha na h-ainmhidhean comasach air an taingeileachd fein a nochdadh dhoibh-san a bhios cairdeil riu, agus ni iad sin gu treibhdhireach, agus gun fhoill sam bith. Is math a dh’ aithnicheas iad an neach sin a bhios cairdeil agus caoimhneil riu. Fanaichidh a’ mhuc fein an neach a bhios gu riaghailteach ’g a beathachadh, agus air a doigh fein bheir i taing dha. Nochdaidh an crodh an toilinntinn fein an uair a chi iad a’ mhuinntir a bha ’frithealadh orra, agus cairdeil riu. Crathaidh iad cn cluasan agus sinidh iad a mach an srona dubha, fliuch mar chomhar air an taingeileachd agus an deagh-ghean fein. Ni, mar an ceudna, an cu moran othail ris-san a ni dheth, agus a bhios gu maith dha. Agus faicibh an seann each dubh ud a rainig corr is fichead bliadhn’ a dh-aois, agus tha e ceart co eolach air gach neach mu ’n cuairt da ri ’mhaighstir fein. Faicibh e a’ toirt foise d’ a cheann air a’ chachliadh, an uair a tha e’ faicinn fear-an-tighe a’ dluthachadh ris, an duil gu ’m faigh e ubhal no mir arain as a laimh. Mar so, tha e mar fhiachaidh air na h-uile bhi cairdeil ris na bruidibh bochda nach urrainn an uireasbhuidhean fein ’innseadh, agus gun a bhi uair sam bith ’g an geur-leanmhuinn agus ’g an gearradh as. Tha ’n duine glic ag radh mar so, “Bithidh curam aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh, ach is an-iochdmhor truacantais nan aingidh.”—An Gaidheal. Am Maighistir agus an Gille. Bha uair-eigin roimhe so droch thiomannan ann agus bha moran de sheirbhisich ag iarraidh aiteachan, agus cha robh moran de aiteachan ann daibh. Bha tuathanach an sin, agus cha gabhadh e gille sam bith ach gille a dh’ fhuireadh leis gu ceann seachd bliadhna, agus nach iarradh de thuarasdal ach na ghlacadh e ’n a bheul de ’n t-siol, ’n uair bhiodh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Cha robh gin a’ gabhail aige. Mu dheireadh thubhairt e, gu ’n leigeadh e leo an siol a chur anns an ire a b’ fhearr a bhiodh aige, agus gum faigheadh iad na h-eich, s an crann aige fein a dheanamh an treabhaidh agus na h-eich aige fein thun a’ chliathaidh. Bha gille og an sin, agus thubhairt e, “Gabhaidh mise agad,” ’s chuir an tuathanach muinntireas air. ’S e am bargan a rinn iad, gu ’m b’ e an tuarasdal a bha gu bhi aige a’ ghille, na ghlacadh e de graineanan sil ’n a bheul, tra bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, anns an t-sabhal. Agus bha e gus faotuinn an siol sin a chur anns an ire b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach, agus bha e gus na chinneadh air an t-siol sin a ghlediheadh agus ciod air bith an siol a ghlacadh e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, a chur comhla ris, agus sin a chur anns an ire a b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach an ath bhliadhna. Bha e gu eich ’s crann, no goireis air bith eile a bhiodh feumail da airson cur no buain, fhaotuinn o ’mhaighistir; agus mar sin gu ceann ’n an seachd bliadhna. Gu ’m bitheadh aige, seachd geamhraidhean ’s an t-sabhal a’ bualadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean cinneis de’n bharr, agus seachd fogharaidhean buana, agus ciod air bith an tighinn am mach a bhiodh ann an siol a’ ghille ’s na seachd bliadhna, b’ e sin an duais a bha gu bhi aige ’n uair dh’ fhalbhadh e. Chaidh an gille dhachaidh gu ’mhaighistir agus daonnan ’n uair bhiodh e a’ bualadh anns an t-sabhal, bhitheadh a mhaighistir a’ bualadh leis. Agus cha d’ rug e ’n a bheul, ach air tri graineanan gus an d’ thainig an t-earrach, agus chuir e iad anns an ire b’ fhearr a bh’ aig a’ bhodach. Chinn asda sin tri diasan, agus bha air gach dias, tri-fichead graine math sil. Ghleidh an gille iad sin gu curamach, agus ciod air bith graine sil air an do rug e, chuir e comhla riu iad. Chuir e iad sin a rithis air an ath earrach. Agus aig an fhogharadh a rithis bha toradh aige, cho math ’s a bh’ aige a’ bhliadhna roimhe sin. Chuir an gille seachad a shiol gu curamach, agus ciod air bith a ghlac e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh ’s an ath gheamhradh, chuir e maille ris a’ chuid eile e. Agus mar sin do ’n ghille, o bhliadhna gu bliadhna gus mo dheireadh, a dheanamh sgeul fada goirid, gu ’n do chuir an gille, air a’ bliadhna mu dheireadh na h-uile ire threabhaidh a bh’ aig a’ bhodach. Agus bha corr sil aige r’ a chur agus cha mhor nach robh am bodach air a chreachadh. B’ fheudar da mal a phaigheadh do ’n tuathanach a b’ fhaisge dha, air son ire ’s an cuireadh an gille an corr sil a bh’ aige, agus pairt de’n spreidh aig a chreic, a chion gruinnd air an ionaltradh iad; agus cha deanadh e baragan air a’ cheart doigh ri gille gu brath tuille.—Seann Sgeulachd. [TD 298] [Vol. 2. No. 39. p. 2] NA SEAN-FHACAIL. II. (a) “SID A’ BHUILLE AIG AN STADADH MATHAIR.” A REIR mar a chuala mi bha duine ann o chionn fada do ’m b’ ainm Boban Saor. Cha robh duine ann ri ’linn a dheanadh cubaireachd cho math ris. Cha robh ann ach duine gle bheag, meata, ged a bha e ainmeil mar fhear ceairde. Ainmeil ’s mar a bha e cha b’ urrainn da daoine thoileachadh. Gheibheadh iad coire air chor-eiginn do na h-uile soitheach a dheanadh e. Am fear nach biodh mor bhiodh e beag; am fear nach biodh cumhann bhiodh e farsuinn. Rinn e tuba a bha anabarrach math, agus a bha ro ghrinn air a chur ri cheile. Bha e ga dheanamh fhein lan-chinnteach nach b’ urrainn duine sam bith cron fhaotainn dha. Chaidh e fhein fo bheul an tuba ri taobh an rathaid feuch an cluinneadh e ciod am beachd a bhiodh aig luchd-ghabhail an rathaid air. Cha robh e fada fo bheul an tuba an uair a thainig dithis no triuir dhaoine. Sheas iad an uair a thug iad an aire do ’n tuba, agus thug fear dhiubh breab dha, agus thuirt e:— “Nach math fhein an lamh a th’ aig an fhear a rinn an tuba so. Mur ’eil mi air mo mhealladh ’s e Boban Saor a rinn e. Cha ’n ’eil cron fo ’n ghrein air ach an aon chron—tha e car domhain. B’ fheairrde e da oirleach a bhith dheth.” “Tha thu direach aige,” ars’ am fear eile, “tha e car domhain gun teagamh; ach nan robh e beagan ni b’ fharsuinne na tha e, dheanadh e ’n gnothach taghta math. Na’m bu leamsa e chuirinn an sabh air, agus bheirinn pailt da oirleach dheth.” Mhol an treas fear an tuba air son cho snasail ’s a bha e air a dheanamh, ach cha dubhairt e ’n corr. An uair a dh’ fhalbh na fir thainig Boban Saor a mach o bheul an tuba, agus thug e da oirleach dheth, agus chaidh e rithist a steach fo ’bheul feuch an cluinneadh e ciod a theireadh luchd-ghabhail an rathaid. Cha robh e fada fo’n tuba an uair a thainig triuir no ceathrar eile. Sheas iad aig an tuba, agus thoisich iad ri moladh cho fior shnasail ’s a bha e air a dheanamh. Ach thuirt iad a beul a cheile gu robh e tuilleadh is iosal, agus nan robh e da oirleach ni b’airde na bha e nach b’urrainn tuab bhith ni b’fhearr na e. An uair a dh’ fhalbh iad thainig Boban Saor a mach o bheul an tuba, agus thuirt e ris fhein gu ’m bu cheart cho math dha sgur a dh’ fheuchainn ri daoine thoileachadh. Bha nigheann aig Boban Saor a bha ainmeil ’na latha air son cho glic, agus cho tuigseach ’s a bha i. Bhiodh i ’n comhnuidh anns an taigh chubaireachd an uair a bhiodh a h-athair ag obair, agus bhiodh i ’gabhail beachd air a h-uile car a bhiodh a h-athair a’ deanamh. Thuigeadh i a cheart cho math ri h-athair, air fuaim na buile, an uair a bhiodh an cearcall teann gu leor. Air latha araidh bha i ’dol seachad air taigh cubaireachd, agus chual i ’n cubair a’ teannachadh cearcaill. Sheas i ’g a eisdeachd. An uair a dh’ aithnich i air fuaim na buille gu robh ’n cearcall teann gu leor thuirt i:— “Sid a’ bhuille aig an stadadh m’ athair.” Ach cha do stad an cubair aig a’ bhuille ud idir, agus mu’n d’ thug e thar buille no dha eile do ’n chearcall bhrist e. Nan do stad e aig a’ bhuille aig am bu choir dha stad bha ’chuis ceart. Le buille no dha a bharrachd a thoirt do ’n chearcall air na bu choir dha, thug e dragh inntinn agus tuilleadh obrach dha fhein, agus cha d’ rinn e feum sam bith do neach sam bith eile, mur do chuir e sgillinn ann am pocaid an fhir a bhiodh a’ deanamh nan cearcall. Tha moran gliocais air ’fhilleadh a staigh anns na briathran so a labhair nigheann Bhobain Shaoir. Tha iad coltach ri sean-fhacal no dha eile a bha aon uair gle chumanta anns an duthaich:—“An uair a’s teinne an taod ’s ann a’s docha e bhristeadh.” “Is fheairrde brà a breacadh ach gun a bristeadh.” Ma bhios daoine tuilleadh is cruaidh air an cloinn, no air an luchd-muinntir, faodaidh iad a bhith cinnteach gu ’n dean iad cron cho mor ’s a dheanadh iad nan leigeadh iad tuilleadh ’s a’ choir de’n toil fhein leo. Mur bi an cearcall teann gu leor cha dean e feum sam bith, agus ma bhios e tuilleadh is teann faodar a bhith cinnteach gu’m brist e. Feumaidh am beag ’s am mor, an sean ’s an t-og tomhas riaghailteach de ’n toil fhein fhaotainn. Agus an uair a theid iad ceum bhar na slighe, feumar an cronachadh; ach cha choir an garg-chronachadh. Tha coir againn an aite fhein a thoirt do na h-uile, ach feumaidh sinn ar ceart aire thoirt nach fhaigh iad aite air nach ’eil iad airidh. An uair a tha neach sam bith airidh air moladh is coir a mholadh; ach ma mholar neach tuilleadh is mor, no tuilleadh is tric, faodar cron a dheanamh dha. Feumaidh an seol a bhith a reir a’ bhata, agus an t-soirbheis. Ma bhois e ro mhor, theid i thairis, agus ma bhios e ro bheag cha dean i astar. Ann an iomadh suidheachadh, agus aig iomadh àm dh’ fhaodadh an sean-fhacal so feum mor a dheanamh do gach neach. Ach feumaidh sinn a thoirt fa near nach ’eil e idir cho furasda dhuinn a chur an cleachdadh ’s a tha e labhairt uime. Bha nigheann Bhobain Shaoir iomadh latha cluinntinn fuaim cur nan cearcall mu ’n do thuig i cuin a bhiodh iad teann gu leor. Ach thuig i e do bhrigh gu robh i ’ga thoirt fa near. Tha moran ann nach toir fa near na nithean a chi ’s a chluinn aig àm sam bith. Cha toir iad fa near cia mar is coir dhaibh an obair a ghabh iad os laimh a dheanamh. So mar a thachair do ’n chubair a bha ’teannachadh a’ chearcaill riamh gus an do bhrist e. Nach tric a chi agus a chluinn sinn muinntir ri obair agus ri cainnt mu nach ’eil a’ bheag a dh’eolas aca? Mur toir duine fa near cia mar is coir dha a ghnothach a dheanamh, cha ’n fhaigh e air aghaidh gu brath. Ach mar is trice, an uair a theid cuisean gu tur an aghaidh duine, cuiridh e gach coire air falbh uaith fhein, agus a dh’ ionnsuidh ni no neach eiginn eile. “Is fhada bhios fear o ’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.” (b) “O NACH LEAM CHA TARRUINN.” Bha duine og ann aon uair a bha deanamh suas ri triuir de nigheannan oga aig an aon am. Cho fad ’s a b’aithne dha, bha iad nan triuir gun mar-a-bhiodh orra. Ach bha aon ni ann air nach robh fios aige, agus b’ e sin, co an te a b’ fhearr nadur dhiubh. Bha fhios aige nach ’eil e soirbh a dh’ fhear sam bith fios fhaotainn air nadur nighinn an uair a tha e ’deanamh suas rithe. Gu naduarra tha h-uile nigheann, agus a h-uile gille a’ feuchainn ri bhith cho grinn ’s cho ciuin ’s cho [TD 299] [Vol. 2. No. 39. p. 3] modhail ri cheile ’s a ghabhas deanamh an uair a tha iad a’ deanamh suas ri cheile. Bha fhios aige mar an ceudna gu ’m biodh e mi-thoilichte a h-uile latha ri bheo nam posadh e te aig am biodh droch nadur. Is docha gu ’n cuala e an seann oran anns an robh an ceathramh so:— “Bean an droch naduir, ’S coma leam fhein dhi, Bean an droch naduir neonaich, Bean an droch naduir, ’S coma leam fhein dhi; B’ fhearr leam bhith falamh na ’posadh.” Coma co dhiu, air dha bhith gu tric a’ dol fo ’smaointean mu ’n chuis, bhuail e anns an inntinn aige gu robh aon doigh ann co dhiu leis am faodadh e gne de bheachd fhaotainn co an te dhiubh a b’fhearr nadur. Dh’iarr e orra ’nan triuir a choinneachadh air latha araidh aig sruthan beag a bha air cul a’ mhonaidh. An uair a choinnich iad aig an t-sruthan so thuirt e riu gu robh tlachd cho mor aige dhiubh nan triuir ’s nach robh fhios aige, co ’n te dhiubh de ’n deanadh e roghainn. “Tha fhios agaibh’” ars’ esan, “nach fhaod mise ach aon te dhibh a phosadh; agus cha mho a tha soirbh dhomh a radh co an te dhibh a’s fhearr a ni bean dhomh. Ach mu ’m fag sinn so feumaidh mi ’chuis a chur an dara taobh. Nighibh bhur lamhan ’n ’ur triuir anns an t-sruthan, agus tha aon searbhadair agamsa an so, agus bheir mi dhuibh eadraibh e gus ’ur lamhan a thiormachadh, agus an te a’s luaithe aig am bi a lamhan tioram ’s i ’phosas mi.” Dh’ aontaich iad nan triuir gu robh so ceart. Nigh iad an lamhan, agus an uair a shin e dhaibh an searbhadair, rug dithis dhuibh air ceann an te dheth, agus thoisich iad air a tharruinn o cheile. ’S e ’bh’ ann gu’n deachaidh iad ann an gruagan a cheile, agus mu ’n do stad iad bha fuil a cheile muigh aca. Cha deachaidh an treas te nan coir an uair a chunnaic i an obair a bh’ aca. Thoisich i air bualadh a lamhan ri cheile agus ri radh, “O nach leam cha tarruinn, O nach leam cha tarruinn.” Cha robh a lamhan tiotadh a’ tiormachadh. Bha iad tioram aice roimh ’n dithis eile, agus a bharrachd air sin, dhearbh i gu robh nadur ni b’ fhearr aice na bh’ aig a h-aon dhiubh. B’fhearr gu’n deanadh a h-uile te mar a rinn i so. Nam fanadh muinntir o gach ni ris nach ’eil gnothach aca, bhiodh an saoghal moran ni ’s fhearr na tha e. Nach tric a chi sinn aimhreit ag eiridh eadar dhaoine mu nithean nach buin dhaibh. Dh’ faodadh dithis a bhith reidh gu leor mu ’n aon t-searbhadair. Ach bha iad so mar a bha, agus a tha, moran eile. Cha ’n fhoghnadh leo an gnothach fhein a dheanamh, ach dh’ fheumadh iad gnothadh a h-uile neach eile ’chumail air dheireadh. Cha do chaill neach riamh air an aire thoirt d’ a ghnothach fhein. An ni nach fhaigh sinn le sith tha e cho math dhuinn e bhith uainn ri e bhith againn. “O nach leam cha tarruinn.” LAIN. THA MEAS AIR MINARD’S LINIMENT. C. C. RICHARDS & CO.— Cuir thugam air a cheud la de dh’ April 1440 dusan botull de Mhinard’s Liniment, fiach $2000.00, agus paighear thu mar a’s àbhaist. F. J. BARNES. St. John’s. ’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e gan creic cho saor ’sa ghachas deanamh. Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts. agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 300] [Vol. 2. No. 39. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APPIL 21, 1894. Bha acarsaid Mhontreal fosgailte air an t-seachdain s’a chaidh. Cha bhi’n ùine fada nis gus am bi e ’n comas shoithichean dhe gach seorsa am port a ruigheachd. Thuit tigh tri stòraidhean a dh’airde am broinn a chéile ann am Brooklyn, N. Y., an oidhche roimhe agus bha àireamh mhor dhe na bha stigh air am marbhadh agus àireamh na bu mhò air an leònadh. Tha’n t-sìde nis air tionndadh blàth agus tha barrachd de dhreach an earraich air an dùthaich. Leis an sneachda bhi leaghadh gu bras tha na ròidean gle bhog ach ann an corra àite tha iad a tiormachadh. Air a chòigeamh la deug dhe’n Mhàrt, bha’n t-Urr. Iain Mac Néill a Uptergrove, Ontario, air a phòsadh ri Eaglais Chalmers ann an Cowal. Rugadh agus thogadh Mr. Mac Néill aig Acarsaid Choinn Fhionghain, ’s an eilean so. Bha e air chuairt an eilean a dhùthchais toiseach an earraich, agus ’nuair bha e ann an Sidni chuir e ’ainm sios air son a MHAC-TALLA. Chunnacas sealladh rud-eigin neo-àhhaisteach aig Caolas Chanso aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha cnapan mora deighe a dol leis an t-sruth troimh ’n chaolas agus air fear dhiubh bha ochd caoraich ri’m faicinn. Fhuaras an toirt uile gu tir agus bha h-uile aon dhiubh beò ach air an leth mheileachadh. ’S i cheist a nis co as a thainig iad ’s cia mar fhuair iad a dhol air an deigh. NAIDHEACHDAN. B’i ’n stoirm shneachda bha againn o chionn ghoirid stoirm cho dona ’s a bh’ anns an dùthaich so o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha cuid ag radh nach, robh a leithid ànn o chionn dusan bliadhna. Chaidh duin’ og aig Abhainn Sheòrais a ghoirteachadh gu dona anns a choille aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e a leagail craoibhe, agus muair bha i tuiteam thainig i mu’n cuairt agus bhuail i ’sa cheann air. Bha e ùine mhor nach d’ fhuaras guth uaithe, agus ged tha e beò fhathast, cha’n eil mor choltas air gu’m faigh e thairis air. Mharbh Ailein Mac Leoid, aig an International Pier, muc air an t-seachdain so; cha robh i ach mu dheich miosan a dh’ aois, agus chothromaich i tri cheud ceithir fichead us còig puinnd (385 lbs.), ceithir fichead punnd sa còig thairis air punnd mu choinneamh a h-uile latha bha i beò. Fhuair e aon sent deug (11 cts.) am punnd air an fheòil. Mharbh e muc eile mu’n am so ’n uiridh a bha pailt na b’ fhearr na i so. Tha litrichean a Rio Janeiro an ceann a deas America ag innse gu bheil am fiabhrus buidhe a deanamh sgath uamhasach anns a’ bhaile sin. Tha ’m fiabhrus anabarrach gabhaltach agus tha e cho marbhtach ’s gu bheil ceathrar as a h-uile deichnear a ghabhas e a bàsachadh. Ann an aon latha bhàsaich ceud ’sa dha dheug leis. Tha na taighean-eiridinn air an dòmhlachadh le luchd an fhiabhruis. Thaghail aon soitheach Geancach anns a phort agus an diugh cha’n eil duine as an fhichead a bh’ air bòrdair fhàgail beò. A GLEANN-A GARRAIDH.—Tha ar deagh charaide, Aonghas Mac ’Ille, mhaoil, anns an Lagan, Siorramachd Ghlinn-Garraidh, Ontario, a sgriobhadh thugainn mar a leanas mu chor na dùthcha.—“Tha feur, fodar, ’sa h-uile seòrsa gràin glè phailt an so am bliadhna, agus ann am pris mheadhonaich mhath cuideachd. Ach tha na tuathanaich ag gearain air cho iosal ’sa tha pris nan each ’sa mhargadh. Tha moran siùcair us molasses air an deanamh ’sa choimhearsnachd so leis na tuathanaich am bliadhna. Tha an sneachda uile air falbh ach tha ’ghaoth a fuireach rud-eigin fuar fhathart.” Chaidh duine mhuinntir Newfoundland a null a Shasuinn air a bhliadhna so air son cas àrca fhaotainn, air dha a chas fein a chall. Fhuair e sin agus chòrd i cho math ris ’s gu’n do chuir e roimhe té a chòrr a cheannach gun fhios nach cailleadh e ’n té eile uair no uair-eigin. ’Nuair a rainig e Halifax a tighirn air ais bha fear an taigh-chuspuinn air son cis a leagail air a chois a bha chòrr aige, ach sid cha robh esan a dol a phàigheadh. Ged a bha e ’ga giulain ann am màileid, thoisich e ri dheanamh mach air na h-oifigich gu’m bu chòir a leigeil a stigh saor mar a leigte e féin. Leighsidh Minard’s Liniment Loinidh. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Giliag. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 301] [Vol. 2. No. 39. p. 5] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. DH’INNIS e dhomh gu’n do shearmonaich aon là anns a Ghlaic ud an t-Urr. An t-Olla MacAoidh a bha aon uair na mhinistir ’s na h-Earradh. Bha an t-searmoin ceithir uariean g’a liubhairt agus cha robh aon air an raon sgith fad na h-ùine sin. Is e ’n t-searmoin mhòr a their muinntir an àite rithe gus an latha an diugh. Is e an ceann teagasg o’n do labhair an duine urramach. “Cha’n fhaca suil, ’s cha chuala cluas, ’s cha mho thàinig e an cridhe duine meud na nithean, a Dhé, a dh’ullaich thu dhoibhsan aig am bheil gràdh dhuit.” Bha mi duillich nach d’ fhuair mi cothrom air sgriob a thoirt gu Loch Ailsh agus Gleanneilg. Cha do fhreagair na h-aisig. Ghabh mi slan le Maighstir Sinclair an ath latha agus ghabh mi bàta na smùid gn Port Righ. Cha leig mi leas innseadh gu de an subhachas a bha agam ’nuair a sheid gu fionnar air m’ aodann anail chùbhraidh a chuain Sgiathanaich agus a thàinig am follais, air dhuinn faotainn timchioll Rutha ’Phluic, Beanntan sgurrach Eilean a Cheò. Chitheamaid an Cuilithiunn ag éiridh gu mòrchuiseach thairis orra uile. Thaghail sinn air an rathad ’s an Atha-Leathann. Is e àite beag bòidheach a tha an sin. Bha mi duilich nach robh uine agam taghall air mo charaide an t-Urr. Alasdair Grannd a tha na mhinisteir na h-Eaglais Shaoir ’s àite so. An deigh cuibhrionn do bharailean agus pocannann mine a chur air tir thog sinn rithe a rithis. Sud suas sinn gu caolas Ratharsaidh mu’s robh ach gann fios againn air. Tha an nis tigh mòr na ban-tighearna ri fhaicinn. ’S ann airsan a tha na turraidean agus tha raon coille air a chùl a tha eireachdail. Tha an eaglais aig Maighstir Mac Farlainn an glaic an ear air an Tigh Mhòr. Cha’n fhaiceamaid am mansa idir. ’Se a smuainich mi ’nuair a bha mi ag gabhail beachd air an t-sealladh gu’n robh an so dealbh ro shoilleir air daimh na’n daoine mòra ri nithibh Dhia. Is e an cainnt ris na nithean sin, “Fanaibh am folach oirnn.” Air dhuinn paca litrichean a chur air tir ’an Ratharsaidh thog sinn rithe a rithis agus ann am beagan uine bha sinn am beul Bàgh Phort Righ. Air taobh a deas a Bhàigh so tha creagan a tha anabarrach iongantach. Tha iad ag éiridh suas gu àirde mhòr sreth leac air muin serth cho dòigheil air an caradh ’s ged a dheanadh clachair ionsuichte e. Tha an Salm ag innseadh dhinn “Molaidh t-oibrean thu air fad” “Le d’ naoimhibh molar thu;” “’S air glòir do Righeachd labhraidh iad” “Innsidh do neart le cliu.” Gu cinnteach tha creagan acarsaid Phort Righ ’ga mholadh agus ag innseadh a neart le cliù. Tha sinn a ris ri taobh a challa agus fhuair sinn air tir gu h-uasal. Choinnich duine tapaidh sinn air tir a bhuinneadh do ’n tigh òsda ris an abair iad An Caledonian agus ghiùlain e ar pacannan siubhail dhuinn gus an d’fhuair sinn sinn fèin gu h-eireachdail na’r suidhe ann an seomar aoidheachd an tigh àsda. B’e latha Fèill Phort Righ a bha ann agus dh’fhàg sin barrachd sluaigh a’ dol sios agus suas air sràidean a bhaile bhig so na’ b’abhaist. Is iongantach a ni e gu’m bheil na Gaidheil nis doirbhe ath-leasachadh a dheanamh orra ann an cuid do nithean na sluagh sam bith eile. Ann am Port Righ air an latha ud bha fir is mnathan a’ cosg an cuid airgiod, a fhuair iad air son gamhain no mart a reic iad, a toirt dhramachan do dh’aon a cheile, agus bha iomadh amadan na ’m measg air an fheasgar sin nach seasadh a chasan leis a misg. ’Se is docha gu’n robh na pàisdean aig an àm ud agus gun chomhdach na’n cnamh do dh’aodach orra agus ràn na’m beul leis an ocras. Chunnaic mi ’am baile beag Phort Righ air an latha ud barrachd do mhisg na chunnaic mi ann an seachduin an aon do bhailte mòra Chanada. (Ri leantuinn.) Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal, a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873? Chaidh dithis dhaoin òga a bhàthadh aig faisg air aiseag Ghrandique, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad a mach ann am bàta agus chaidh e thairis. Bha aireamh dhaoine air tir ’g am faicinn ach mu’n d’ fhuair iad far an robh iad, bha iad air an call. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 302] [Vol. 2. No. 39. p. 6] NA GAIDHEIL ANN AN CANADA. Oraid a bha air a Liubhairt le DUGHALL IAIN CAIMBEAL, BAILE MOR HAMILTON, a rugadh ann am Baile Charadoc, ann an Siorramachd Mhiddlesecs, ann an Canada; (agus a tha nis na fhear-meas aig Comunn Urrais-beatha Chanada;) aig cuairt shamhraidh Ghaidheal Thoronto agus Hamilton, aig baile Achadh Nan Darach, air an t-seachdamh lath’ fichead do’n Og-mhios, ann sa bhliadhna ochd ceud deug ceithir fichead ’sa dha dheug. A CHINN SHUIDHE ’S A CHAIRDEAN GAIDHEALACH, BHO BHAILTEAN THORONTO AGUS HAMILTON:— Air dhomh a bhi ’n so mar sheòrsa goistidh bho Bhaile Hamilton, am baile aig bun na beinne, bidh e air a shaoilsinn gun labhrainn beagan ruibh aig an àm so. Anns a chiad àite, tha e toirt moran toileachais inntinn dhomh, gu’m bheil na h-uiread bho’n da bhaile chomharaichte so, a tha neadaichte air bruaich Loch Ontario, agus bho’n dùthaich mu’n cuaìrt, air cruinneachadh an so, air an latha chiùin shamhraidh so a dh’-fhaotuinn eòlais air aon a chéile, agus a dh’ùrachadh seana chairdeas; agus tha mi cur a’n ceill an dochais ann ’s na timeanan a tha teachd, gu’n coinnich sinn gach bliadhna a dh’ ùrachadh agus a chomh-phartachadh ar deagh ghean aig coinneamhan sùnndach càirdeil de ’n t-seòrsa so. Air dhomh a bhi sealltuinn thairis air eachdraidh an t-sluaigh a thainig do’n dùthaich so, tha mi ’faicinn do’n mhuillion do dh-Albannaich a thainig do’n duthaich, gu’m bu Ghaidheil da-thrian diu. Tha e air a dheanadh a mach gu bheil corr agus muillion do Ghàidheil agus d’ an gineal a’n Canada aig an am so, agus gu bheil air a chuid as lugha a’n ceathramh cuid dhiubh so, a thuigeas agus a bhruithneas Gàilig. B’e so an sluagh a bha nam priomh mheadhon air an uachdranachd oirdhearc so againne a chur mar phàirt dhi fein ri oighreachd ghlòirmhor Bhretainn. Cha ruig mi leas a chur na r cuimhne, gu bheil miltean do Ghàidheil anns an dùthaich so a tha dileas do’n dùthaich, do’n Bhan-Righ s’ d’ a crùn; a’s ged nach deach a’n cànain altrum, na a cleachdadh an cùirt, no’m Pàrlamaid, cha chualas riamh i an dragh na n-iorguill. Ach their mi so:—Ma tha tuille agus aona chànain feumail an cùirt no a’m Parlamaid, ciod a chànain as còraiche air an urram sin fhaotuinn, na cànain na’n treun-laoich, a sheas guallainn air còmhnard Abrahaim, am piobairean a seinn binn cheòl na h-Alba, s’an claidhnean mor a dealradh an grian na h-òig mhaduinn an latha a chaidh an dùthaich òirdhearc so againne a chosnadh do chrun Bhreatainn? (Caithream.) Sann do ghaisge gun choimeas nan saighdearan Gàidhealach, a tha sinn fo fhiachaibh, gu’m ’bheil, agus gu’n robh, an t-arm Breatannach buadhach anns gach dùthaich sa’n robh dleasnas agus onair g’ an gairm. Agus an diugh, tha bratach Bhreatuinn gu bòsdal a snàmh thairis air an t-seathamh cuid do raon an domhain, agus thairis air a cheathramh cuid da sluagh. (Caithream.) Tha mi gu h-onarach a creidsinn ’s ag ràdh, gu’r ann an tomhas mor troimh misneach agua gaisge Chlann nan Gàidheal, a thainig Breatainn gu bhi ’na rioghachd cho làidir ghlòirmhor s’a tha i ’n diugh. Troimh gaisge ghreimeil, treun-laoich Albuinn, nach deach riamh a chiosnachadh, chaidh an earrann mo thuath so de America a spionadh bho chumhachd choigreach, agus a tathadh ri rioghachd Bhreatuinn. Aig focal na h-aithne, air còmhnard Sliabh Abrahaim, le mor ghaisge, bhruchd feara làidir a bhreacain ’san fhéille air an aghaidh gu buaidh ghlòirmhor, agus bu leinne Canada. Air an aobhar sin, tha mi cur an céill, gu’r ann do Chlann nan Gàidheal a tha sinn am fiachaibh airson gu’r dùthaich Bhreatunnach Canada an diugh. (Caithream.) Agus ann a so, leigeibh dhomh a radh mu Chanada,—dùthaich air n-uchd-mhacachd agus oighreachd air cloinne—gur dùthaich urramach àluinn i. Dh’araich Canada bana-chleasiche cho grinn sa sheas riamh air bord tigh-cluiche, agus cuid do na ealdhanich as urramiche air a bheil cùnntas ann san aois sa bheil sinne beò. Dh-àraich Canada dithis do chomhairlichean rioghachd co ard an’ ihbhi as a tha iomradh orra an san linn a tha lathair. Tha aig Canada roin-uarachd shlainteil, agus tha i a g-àrach dhaoine gaisgeil cruadalach, agus mnathan maisach, beusach, gràdhach; chi sibh iad timchioll oirbh air gach làimh. Tha aice aibhnichean ’s fhaide no th’aig aon rioghachd na dùthaich eile fòn ghréin; agus tuille mhiltean do rathad iaruinn an lorg a chéile, na th’aig dùthaich eile air thallamh. Tha aice raointeann cruineachd as farsuinne na th’aig uachdaranachd eile sa chruinne, agus coilltichean de’n fhiodh as luach-mhoire a tha cinntinn a grùnnd; tha aice meinninn do ghual, iarunn, nicle, òr, airgiod, tha agus na gruinnd iasgaìch as beartaiche a’s luachmhoire a tha air aghaidh an domhan. Tha aig Canada an diugh, riaghailtean ionnsachaidh ni ’s fearr na th’aig dùthaich eile air a bheil a ghrian a a dearrsadh, agus buinidh i do’n rioghach as airde inbhe agus as ainmeile am measg rioghachdan na talmhainn; as tha’n dùthaich àlluin thorrach so fo riaghladh Victoria, ban-righ co àluinn, beusach, òirdhearc s’a shuidh riamh ann an cathair rioghail. Gu ma fada beo i. A nis, cha choigrich na Gàidheil ’san dùthaich àluinn so, ach daoine nach gabh seachnadh. Fo òg mhaduinn na latha streap iad suas àirde chreagach Sliabh Abrahaim, gus an uair so, bha aig Gàidheil ann ann an iomadh dòigh, gnothach ri uachdranachd na dùthcha. Bha ceann feadhna Chlann Domhnuil, an Ridire Iain Domhnullach, (nach miairean a nis) na riaghlair anns an dùthaich, dlùth air da-fhichead bliadhna. Duine aig an robh comas gun choimeas mar chean-iuil, agus mar chomhairliche rioghachd. Duine a chomh-eignich mor mheas, eadhon bho na daoine a b’eas càirdeile ris. Duine a “rugadh na Bhreatannach, agus na Bhreatannach chaith e’ bheatha gu latha a bhais.” An t-Onarch Alasdair Mac Coinnich, duine eile, a bha miorbhuileach ann an comas; bha uile fhacail agus a ghniomharan a leigeil ris a ghràdh da dhùthaich; us bidh a reachdan glic agus a raideanais taitneach, air an gleidheadh air chuimhne le ginealaich a tha ri teachd. (Caithream.) Agus gun iomradh air na h-Onaraich Sir O. Mowat agus Deorsa Ross, daoine beag a’m pearsa, ach cho tapaidh sa sheas riamh ann am broig learach; no air moran tuilidh do ainmeannan a tha gradhach leinn, as a tha soillseachadh air iomadh dòigh ann a’n eachdraidh Chanada. Ainmean a tha dearbhadh gu’m ’bheil na Gaidheil nan sluagh nach gabh seachanadh, a tha, agus a bha, a cleachdadh uachdranachd chumhachdach a chum math. Coma gu de a’n t-ana-cothrum a bhios iad fodha, no am bacadh a théid a chur [TD 303] [Vol. 2. No. 39. p. 7] orra, gheibh iad an lamh uachdair orra uile. (Caithream.) Seallaibh a munn ma dheas dhinn do na Stàidean, agus gheibh sibh a mach gu bheil na ceithir daoine a tha ann san reis, feuch co aca a gheibh a bhi na ard fhear riaghlaidh air an uachdranachd fharsuinn sinn; Cleveland, Harrison, Mac Ill-Ruaidh, agus Mac Stephen, gur ann fo shinnsearachd Ghaelach a tha iad uile, daoine a chaidh a thogail air min-choirce. Cha labhair mi a’n drasd air na bàird a rinn a canain Gàidhealach glòirmhor; no air na laoich a’s na ban-laoich, a rinn naomh i le a’m briathran bàis; no air na martaraich a dhoirt am fuil ann an seirbhis agus an aobhar am Maighstir, agus air son gràdh da’n dùthaich. Iadsan nach d’fòghluim i air tus aig glun am màthair, iadsan nach d-fhuair eolas orra ann an cagarsaich gaoil, ’s ann a’m mànran blath, no ann an ùrnuigh dhùrachdaich an anam bheò, no ann an caoidh a’s an gearan muladaich ri am trioblaid; cha’n urra dhaibh a thuigsinn na faireachduinnean, agus an gluasad inntinn leis a bheil na Gaidheil a meas an cànain mhilis, cheòlmhor, bhrioghail féin. (Caithream.) Anns na blair-chath a bu chruaidhe air an gleachd, co dhiu b’ ann air còmhnard Sliabh Abrahaim, no a’g imeachd le feachd-cheum ann an teas nan Innsean gu Lucknow, no ann san “t-sreang, chaoil, dheairg,” aig an Ridire Cailean, air mullaichean Bhalaclabha, no air gainmheach theth na h-Eipheit aig Tel-el-Keber, a’s ann ’s gach cearna de’n t-saoghal s’ am bu chruaidhe bha gaisge Bhreatuinn air a feuchainn. An sin, àrd thairis air fuaim nan inneal chogaidh, àrd as ceann toirm eagalach a chath, chluinnte srannraich gheur na pioba-moire a fuaimnachadh na h-àithne, measgta le caithream nan Gàidheil, “Clanna nan Gaidheal ri guaillibh a chéile,” s’ iad a brùchadh air an aghaidh gu buaidh. (Caithream.) Feudaidh mi so a chur an céill, ged a shaoileas cuid agaibh gur ni iongantach e; nach eil piobaire an so an diugh, no air son na cuid sin deth, ann an àite sam bith eile, a dh’ ionnsaich riamh a phiob a chur air ghleus, ri àithne an ruaig a ghabhail; agus ’se an t-aobhar, nach eil a leithid de cheòl na de chaismeachd-shiubhail na ’m foclair, agus cuime a bhitheadh, cha robh riamh feum aca air a leithid; oir b’ e cleachduinn nan Gàidheal anns gach linn, leigeil leis na naimhdean an teicheadh a dheanadh. (Caithream.) Ach feumaidh mi tighinn gu comh-dhùnadh, oir lean mi tuille ’s fada cheana; ach s’ éigin domh so a radh mu’n dean mi suidhe, gu’m ’bheil a chàirdealachd agus an caoimhneas a tha air am faicinn an so an diugh, a toirt aobhar dhuinn a chreidsinn, gu’m bheil na timeannan a greasad, na timeannan glòirmhor sin, nuair nach bi buaireas gach dream, gach buidheann, s’ gach creideadh a deanadh mi-riaghailt no aimhréit ann san dùthaich àluinn agus thorach so. ’Nuair a thig an latha gloirmhor sin, mar as cinnteach gun tig, agus a bheachdaicheas sinn air Canada, an té as oige, s’ maisiche do na rioghachdan, saor, ceangailte ri chòile ann am bannaibh gràidh, bho chladach na h-Alantic ann an Albain Ur, gu claon bhruachaibh tràighe na fairge Shèimh ann an Columbia àluinn; an sin, chitheir bonaidean Gàidhealach, gan tilgeil àrd san athar, agus cluinnear àrd iolach a’n cànain mhilis air dùthcha, a cur an céill “Ceud mile failte” do’n reul as dealraiche, ’s as àille ann an crùn Bhreatuinn. (Caithream.) Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 304] [Vol. 2. No. 39. p. 8] Oran na Misge LE IAIN MOIREASTAN, GOBHA NA H-EARRADH. (Air a leantuinn.) Dh’ fhàg i gràineil ’n ad luid thu ’g ad luidreadh ’sa pholl, Do chorp le sàr chudthrom a tuiteam gu trom; ’S cha’n eil taobh bheir thu ruiseadh nach tuislich do bhonn, Do chom mur bi pronn, ’s ni neònach. Dh’ fhàg i gràineil mi-sgiamhach do neul mar an t-eug, Mhill d’ àileachd us d’ iomhaigh ’s do chiall gu mi-bheus, ’N ad sgeith ’ga do smiaradh ’s glas ghiall air do dheud ’S gun smid as do bheul ach ròmhan. ’N uair thig ort an diobhairt le thigheach ’s le spàirn, Air t-fhasgath cha mhisllachd le aon ach cuis ghràin, ’Nad thuainealach dìblidh ad shineadh air làr, ’S neo-chùbhraidh le cach do bhòrlann. ’S na dh’ òl thu ged dhealaich ri d’ stamaig, gu dian Fasg dhiobhairt riut leanaidh bheir sparradh ad chliabh Leam ’s ioghnadh car tamuill do ghalair no ’n triall Bho’d sgairt mur bi pian le t-òbairt. ’S iomadh neach ’chuir i suas an glas lamhan gu teann, ’S a phriosan a spàrr i ’s a dh’ fhàg i fad ann, A chroch i gu h-àrd le bàs nàrach air crann Le lùb dhe na bhall mu ’sgornar. ’S iomadh teaghlach a dh’ fhàg i ’n cruaidh chàs ’s air bheag riarr, Màthair ’g a cràdh an ceann phàisdean gun chiall, Ag eigheach ’sa rànaich gu h-àrd ’s iad gun bhiadh, Gun aodach gu’m bian a chòmhdach. ’S iomadh curraidh ro làidir gu bàs chuir i nunn Bha seòladh air sàile rinn i bhathadh ’sa ghrunnd ’Sa chaidil fo tàladh ’s gu bràth nach do dhuisg Gus an d’ fhosgail e shùilean an dòruinn. ’Nuair a thréigeas dhi cùinneadh, ’s e spuinn thoirt o chàch, An ni tha ’na run ’s mar dean lùbaireachd stà, Air creachadh na bùtha bheir i ionnsuidh gun dàil, ’S air murt gus an tarr i stòras. ’Nuair theirgeas dhuit airgiod ’sa dh’ fhall’ chear do phòc Bho’n òsd-thigh gum falbh thu ’s beag earbsa gheibh thu Tha spéis dhiot air dearmad, ’s gun shearg thu gun diu ’S bidh dearbhta dhuit taobh-cuil na comhla. ’S i mhisg a ni gràineil, a chàirdean, gu dearbh ’S nuair ’s firinn an dàn so nach àraidh an ni Gum biodh ar rùn laidir, a bharr air lamh sgriobh A mach as an th ’ga fògradh. Chuireadh an t oran so d’ ar ’n ionnsuidh leis an Urr. Tearlach Camaran, a Durham, Ontario, Tha e ’g innseadh dhuinn gu’n do sgriobh e aireamh dhe na roinn o bheul an ùghdair féin agus gu’n d’fhuair e càch aig muinntir eile. Cha’n eil an t-òran uile an so, agus tha cuid dhe na roinn nach eil ’san àite cheart. Cha’n eil sinn cinnteach gu bheil an rann mu dheireadh an so againn ceart. Cha robh an t-òran so air a chur an clò riamh roimhe, ach theagamh gu bheil e e ri bhi anns an leabhar a tha gu bhi air a chur a mach le Mr. Henderson ann an Glascho. Deireadh December chaidh màileid le fear-ceannachd a mhuinntir Ontario a ghoid aig calla ’n rathaid-iaruinn ann a Westville, N. S. Toiseach February chaidh fear Aonghas Mac Néill a mhuinntir Cheap Breatunn a chur an sàs air a shon, agus an la roimhe sheas e cùirt agus fhuair e còig bliadhna dhe’n tigh-oibreach, Ged nach eil biadh sprèidhe cho gann air an earrach so sa bha e air an earrrach sa chaidh, tha e gann gu leòr. Tha moran feòir a tigh’nn do’n bhaile gach seachdain agus air a chreic ri muinntir na dùthcha mu’n cuairt aig còig dollar dheug us sia dollar dheug an tunna. Tha ’n t-earrach gu math fad air ais, ach ’s math nach eil e na’s miosa. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 305] [Vol. 2. No. 40. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE APRIL 28, 1894. No. 40. Domhnull Grannd. An déigh do na Stàitean Aonaichte bristeadh a mach o riaghladh Bhreatuinn, dh’ fhàg moran dhaoine an dùthaich agus thog iad fearainn ann an Canada, air ghaol a bhi fo’n aon bhrataich sa bha ’n aithrichean. Am measg chàich bha àireamh mhath de Ghaidheil, agus tha moran de’n sliochd air an latha ’n diugh ann an siorramachd Ghlinn-a-Garaidh agus an aitean eile an Ontario. Bha aon duine còir da’m b’ainm Domhnull Grannd, a thog air còmhla ri càch. Bu sheann saighdear e a chog air taobh Thearlaich sa bhliadhna 1745, agus a rinn uile dhichioll an déigh blàr chùl-fhodair air am prionnsa a chumail a làmhan a ’naimhdean. Bu duine e a bha gle mhath air innseadh sgeòil, agus an deigh dha tighinn gu bhi na sheann duine cha bhiodh e ’m feasaa sgith dhe bhi ’g aithris air na cruaidh-chasan troimh ’n deachaidh e féin ’s a chàirdean air an turus gu Gleann-a-Garaidh; agus le bhi ’g an aithris cho tric, cha b’ ann a dol na bu mhiosa bha na naidheachdan idir, ach na b’ fhearr. Aon uair, thaghail an t-Easbuig air. Bha e fèin us Dòmhnull nam fior chàirdean, agus bha e cho deigheil air a bhi ’g eisdeachd ris na naigheachdan aige ’sa bha Dòmhnull air a bhi ’g an innseadh. Fhuair e eachdraidh an turuis o Dhomhnull o thoiseach gu deireadh, agus cha b’ eachdraidh fhaoin i. Chuir i a leithid adh ioghnadh air an Easbuig ’s gu’n tuirt e ri Dòmhnull,—“’S ann a tha mi féin an dùil, a Dhomhnuill, gu robh do thurus as na Stàitean gu Gleann-a-Garaidh faisg air bhi cho làn iongatasan sa bha turus Mhaois air ceann nan Israelach a dol a mach as an Eipheit. “Maois!” arsa Domhnull, “Thug Maois da fhichead bliadhna ag oidhearpachadh air a dhaoine thoirt thairis air fàsach nach robh faisg cho fad no cho farsuinn ris na fàsaichean coillteach troimh ’n tug mise mo dhaoine, agus an deigh gach strith a rinn e cha tug e mach Tir a Gheallaidh. Thug mise mo chuideachd a Ghleann-a-Garaidh gun uiread us aon duine chall.” Cha robh duine beò a bheireadh air Domhnull Grannd còir a chreidsinn nach b’e fhéin ceannard agus fear-iùil moran a bu tapaidhe ’s bu ghlice na Maois an latha b’fhearr a bha e. An Cluaran. Is e ’n cluaran suaicheantas, na h-Alba o chionn iomadh bliadhna ’s linn. Cha’n eil e ro fhurasda nis a dheanamh a mach le firinn c’ uin no cia mar a chaidh an t-urram sin a bhuileachadh air, oir cha ’n eil eachdraidh sgriobhte a tha ’cur solus sam bith air a chùis. Ach ged nach eil eachdraidh ann tha beul-aithris ann a tha cur an céill na dòigh anns an d’thàinig e mu’n cuairt, agus ma ’s fior e, ’s math a’s airidh an cluaran còir air ainm agus urram. So mar tha am beul-aithris ag radh:— ’Nuair bha na Lochlunnaich a creachadh ’s a’ sgrios nan dùchannan a bha deas orra, cha d’ rinn iad Alba a sheachnadh, ach fad àireamh mhor bhliadhnaichean b’ iad an aon namhaid a bha ’cur iomguin agus eagail air righrean, ’s air sluagh na righeachd sin. Thigeadh iad le’m bàtaichean caola, fada, mar sgaoth speachan, agus air uairibh cha robh doigh no innleachd air an cumail air falbh. Chog na Gàidheil na’n aghaidh gu duineil treun, ach ged chuireadh iad an ruaig orra aon uair, cha b’ fhada gus an tilleadh iad air an ais cho lionmhor agus cho gionach ’sa bha iad riamh. Air aon uair bha na Gàidheil ’s na Lochlunnaich air campachadh mu choinneamh a chèile, deiseil gu dhol a chur a chath air an latha na mhàireach. Cha robh e air a mheas aig an am sin, mar nach eil an diugh fhéin, ceart no uasal do aon fheachd feall-fhalach a dheanamh air feachd eile, no tighinn orra le foill ré na h-oidhche. Chaidil na Gàidheil gu socrach, sàmhach, air an oidhche sin, gun eagal foille no gniomh mi-onarach sam bith orra. Ach ’s ann a ghabh na Lochlunnaich cothrom an dorchadais agus chuir iad rompa tighinn air na Gaidheil gun fhios daibh agus bristeadh a stigh do’n champ aca far am biodh làn chothrom aca air am murt ’s am marbhadh. Chuireadh am feachd an òrdugh agus dh’fhalbh iad gu sùnndach, gun smid ri radh aig gin dhiu, agus a h-uile mac màthar air a chasan rùiste air eagal starbraich sam bith a dheanamh a bheireadh caismeachd dhaibhsan air an robh iad a dol a choimhead. Ach mar bha ’m breamas an dàn dhaibh, sheas aon spògaire mor air cluaran geur, stobach, agus chaidh na biorain fada, caola ’n sàs am bonn a choise. Cha b’am sin gu fuireach tosdach, agus e leig sgriach eagallach as, a chluinnte air seachd beallaich. Dhùisg na Gaidheil agus ann am priobadh na sùla bha gach duine fo ’armachd, ghabh iad an coinneamh nan Lochlunnach agus chuir iad an ratrend orra le sgath mor. Agus ’nuair a thuig iad ciod a dh’ aobharaich an sgriach a thug caismeachd dhaibh, chuir iad rompa gu’m biodh an cluaran mar shuaicheantas aca o sin a mach. Sin agaibh sgeul a’ chluarain. Tha dithis fhòghlumaichean òga mhuinntir a bhaile an deigh tighinn dhachaidh air a mhios so ’s iad ’nan dotairean. ’Siad sin Tomas Mac Leoid, mac do’n Urr. Dotair Mac Leoid nach maireann, agus Somhairle Mac ’Ill-fhinnein. Tha sinn a faicinn gu bheil gillean an eilean so a deanamh gle mhath anns na h-oil-thighean air a bhliadhna so, mar b’ àbhaist dhaibh a dheanamh. ’Sann faisg air Sidni so a rugadh ’sa thogadh aon de na lighichean a’s ainmeile tha ’n dingh ann am baile New York, an Dotair Fearchar mac Fhearghais. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. [TD 306] [Vol. 2. No. 40. p. 2] NA SEAN-FHACAIL. III. “Gaol an fhithich air a’ chnaimh.” CHA dean am fitheach feum sam bith de chnaimh lom, agus uime sine is e an cnaimh air am faigh e a’ bheag no ’mhor dech rimeadh air am bi gaol aige. Tha moran ann a tha ’cumail a mach gu bheil gaol aca air muinntir an uair nach ’eil aca orra ach gaol an fhithich air a’ chnaimh. Tha moran de nadur feolmhor, truaillidh an fhithich anns a’ mhuinntir so. Cha ’n eil e idir doirbh do dhuine glic, geur-chuiseach, dealachadh a chur eatorra so agus a’ mhuinntir anns am bheil nadur glan, uasal a’ chalamain. “Fios fithich gu roic.” Is anabarrach comharraichte mar a chruinnicheas na fithich as gach aird a dh’ ionnsuidh na closnaich mu’n gann a gheibh an t-ainmhidh bas. Bha na seann daoine ann am beachd gu robh fiosachd aca. Air a’ cheart dhoigh theid na daoine a tha salach, truallidh ’nan nadur a dh’ ionnsuidh an aite anns am faigh iad am miannan truillidh a shasuchadh. Mar a chi suil gheur an fhithich a chlosnach ’s e g itealaich seachad anns na speuran, chi an duine truaillidh mar an ceudna an ni a tha truaillidh. “Cha tugadh am fitheach an t-suil do’n isean.” Tha ’m fitheach, neo-ghlan, salach ’s mar a tha e gu nadurra, miadhail gu leor air ’alach fhein. Ach mar a tha am facal ag radh, cha tugadh e suil a’ bheathaich mhairbh d’a isean fhein. Is minic a bha daoine an aghaidh blasad air an t-suil an uair a chuirte ceann na caorach fa ’n comhair air a’ bhord, an deigh dha bhith air a ghlanadh ’s air a dheasachadh gu math ’s gu ro mhath, agus an am a bhith moladh cho math ’s tha ’n t-suil ri ’h-itheadh, theirte, “Cha tugadh am fitheach do ’n isean i.” Tha e ro chomharraichte gur i ’n t-suil a’ cheud ni a dh’ itheas na fithich agus na feannagan de’n bheathach mharbh. Tha cuid ann a dh’itheas an greim a’s fhearr de’n bhiadh eadhon ged a bhiodh a’ chlann falamh. Is iomadh fear agus te a tha ’caitheamh moran ann am biadh ’s an deoch a bharrachd air na tha feumail, an uair a tha eis bidh aodaich is caiseirt air an teaghlaichean. “Nead air Nollaig, ugh air Innid, ’s eun air Caisg, mur bi sid aig an fhitheach bithidh am bas.” Tha e coltach gur e am fitheach eun cho trath air a’ bhliadhna ’sa ni nead ’s a th’ anns an ealtuinn. Is e a nadur so a dheanamh, agus fhad ’s a bhios am fitheach beo bidh e air a riaghladh le a nadur. An ni a tha nadurra do dhaoine ni iad e fad ’s a bhios iad fo riaghladh lagh naduir. Ma ni duine droch cleachdadh sam bith dha fhein, thig e an ceann uine gu bhith dha mar lagh naduir. Tha ’n lagh so a’ faotainn a leithid de laimh-an-uachdar air ’s gu bheil e dha, eadhon anns a h-uile suidheachadh, agus aig a h-uile am, mar riaghailt-stiuiridh. Aig gach am agus anns gach aite bidh e sior chur an ceill a naduir ann a bhith meudachadh aireamh na muinntir a tha cho dubh, dona ris fhein. Mar nach sguir am fitheach dhe ’dhoigheannan gus am faigh e bas, cha mho na sin a sguireas an duine dubh, truaillidh dhe dhroch cleachdaidhean gus am faigh a nadur truaillidh bas. “Cha do bhrist Fionn riamh barr-iall a bhroige.” An uair a bhios a’ mhuinntir og a’ ceangal am brogan is gle thric leotha na barr-eill a bhristeadh le bhith ’gan tarruinn ro laidir. A chum toirt orra an aire mhath a thoirt nach bristeadh iad na barr-eill an am a bhith ’gan ceangal, innsear dhaibh nach do bhrist Fionn, ged a b’e fear bu treine a bh’ anns an Fheinn, barr-iall a bhroige riamh—dheanadh e gnlomh bu treine na so. Tha ni no dha anns an t-sean-fhacal so air an coir dhuinn beachd a ghabhail. Far am bheil an duine treun, gaisgeil, cha ’n fhiach leis a neart a chur an ceill an am a bhith deanamh ni sam bith anns nach ruigear a leas neart a ghnathachadh. Cha bhuail am fior dhuine treun lamh no cas air namhaid an uair a bhios e ’na shineadh lag, fann air a bheulaobh. Cha’n fhiach eadhon leis a’ chu mhor glamhadh a thoirt air cu beag. An duine aig am bheil meas air fhein bheir e an aire an comhnuidh nach cuir e a lamh ann an gniomh beag, leibideach. Ach is i cheisd, An robh brogan riamh air Fionn? Mur robh brogan riamh air cha b’ urrainn e na barr-eill a bhristeadh. Beagan taing do dhuine air son an t-olc sin a sheachnadh nach d’ thainig riamh ’na rathad. Is i mo bharail fhein nach robh brogan riamh air Fionn agus gur ann air son so a thuirteadh nach do bhrist e riamh barr-iall a bhroige. “Is toigh leam aran a’ bhodaich, ach cha toigh leam anail a’ bhodaich.” Is iomadh maighdionn mhaiseach, og a phos bodach air ghaol gu faigheadh i biadh is aodach is caiseart, agus caitheamh-beatha socrach, comhfhurtail o latha gu latha, Is tric a chi sinn muinntir a ghabhas airgiod is or o dhaoine air nach ’eil a’ bheag de mheas aca. Gabhaidh gu leor anns an duthaich airgiod o ’n mhinistear air latha na seachduin ged nach fhiach leotha dhol g’a eisdeachd air latha na Sabaid. “B’ fhearr a leith an de na uile gu leir an diugh.” Is iomadh ni a dheanadh feum do dhuine an de nach dean feum sam bith dha an diugh. A’ chungaidh-leighis a dheanadh feum do ’n duine thinn an de, faodaidh e bhith nach dean i feum sam bith an diugh dha. Ma tha toil againn math a dheanamh, deanamaid gun dail e—mar is traithe ’s ann is fhearr. “’S ann latha roimh ’n bhas bu choir do dhuine ’sharfhacal a thoirt.” Their cuid gu tric, Cha dean mi sid, ’s cha dean mi so ri mo bheo-shaoghal. Is beag a tha dh’ fhios aig duine sam bith ciod a ni e le a shaor-thoil fhein mu ’m fag e an saoghal, no idir ciod a bheir mealltaireachd an t-saoghall, agus an crnaidh-fhortan air a deanamh. “Is iomad rud a thig air laogh Nach do shaoil le mhathair.” Is iomadh atharrachadh a thig air beachdan ’s air cleachdaidhean dhaoine a thaobh nithean aimsireil agus spioradail ann uine gle ghoirid. “Math ri seann duine, Math ri ann-duine, ’S math ri leanabh beag, Tri mathan nach bi fad’ air chuimhne.” Cha bhi cuimhne fhada aig seann duine air a’ mhath a rinneadh ris, do bhrigh gu bheil e gu nadurra anabarrach neo-thaingeil, agus mar sin, nach bi cuimhne aige air a’ mhath a bha; agus cha bhi cuimhne fhada aig an leanabh bheag air a mhath a nithear dha, do bhrigh nach ’eil e ’n comas dha ni sam bith, biodh e math no olc, a chumail fada air chuimhne. [TD 307] [Vol. 2. No. 40. p. 3] “Talach a’ ghille ghlic—na gheibheadh e a ghabhail.” Is iomadh fear aig am bheil ceann liath nach d’ fhoghlum riamh an deagh leasan so—na gheibheadh e ’ghabhail gu toileach, biodh e beag no mor. Cha ’n ’eil so idir a’ ciallachadh gur coir dhuinn a bhith lan-riaraichte le beagan dhe na nithean air am bheil lan-choir againn; ach ’s e tha ciallachadh gur coir dhuinn gach ni a gheibh sinn le gean math a ghabhail gun a bhith talach air, agus mar an ceudna, a chion ’s nach fhaigh sinn ar coraichean gu leir gun am beagan a thairgear dhuinn dhiubh a dhiultadh. “Is beag orm fear-fuadain ’s e luath a’ labhairt.” Cha chuala sinn riamh a bhith moladh na muinntir a bha luath-bheulach. Ach dona ’s mar a tha am fear-eolais a bhith luath a’ labhairt, tha e moran ni ’s miosa am fear-fuadain a bhith mar sin. Bu choir do gach neach a bhith ealamh gu eisdeachd, agus mall gu labhairt. Is ainneamh neach air an robh aithreachas air son a bhith samhach; ach is lionmhor iad air an robh aithreachas air son labhairt. “Guth na faoileig aig an sgaireig.” Theirear, a’ sgliurach, ri isean na faoileig gus am bi e bliadhna dh’ aois. Theirear, a’ sgaireag, ris o aois bliadhna gu aois da bhliadhna. Bidh an sgliurach breac glas, air dhath an uibhe, agus cha bhi guth na faoileig idir aice. Ach bidh an sgaireag air dhath na faoileig, agus bidh guth na faoileig aice. Mar is trice aithnichidh sinn a’ chlann air cainnt am parantan—gu sonraichte, air cainnt na mathar. Ma bhios comhradh turail, tuigseach anns an teaghlach, bidh e dualach do ’n chloinn gu’m bi iad turail, tuigseach mar an ceudna. Is i a’ chainnt a’ chluinneas iad a bhios aca. “Is iomadh leith-sgeul a th’aig an earrach air a bhith fuar.” Is iomadh leith-sgeul a th’ aig an duine a th’ air a riaghladh le miannan naduir air a bhith ’caitheamh a bheatha mar a tha e’ deanamh. “Is sleamhuinn a’ chlach a th’ ann an dorus an taighe-mhoir.” Is minic a chunnaic sinn maighstirean agus luchd-muinntir nan taighean-mora a’ tuisleachadh, agus a’ tuiteam o’n inbhe aird. Tha e gle dhuilich falbh socrach le cupan lan. Is beag an t-aobhar air son am faodar luchd-muinntir nan taighean-mora a chur as an aiteachan. “Beul sioda agus cridhe cainbe.” Mar is trice cha n’ eil am beul agus an cridhe idir a reir a cheile. Tha e gu tric a’ tachairt gur ann mar is mine, agus is milse na briathran a labhras duine, is mealltaiche agus is cealgaiche a bhios a chridhe. Biomaid air faicill o ’n mhuinntir mhilis, bheulaich, bhriathraich, shleamhuinn a bhios g’ ar sior mholadh an clar an aodain, agus is docha a chuireas reis dhe ’n teangaidh a mach a’ magadh oirnn an uair a bheir sinn ar culaobh riutha. “Is beo na h-eoin ged nach seabhaig.” Faodaidh duine a bhith beo ged nach biodh e air a bheathachadh gach latha le feoil ’s le sithinn. Faodaidh duine a bhith beo agus comhfhurtail gu leor, ged nach biodh e ’na chualaidh-eagail do na h-uile creutair a bhios mu’n cuairt dha. IAIN. ’S ann aig D. J. Domhnullach a’s sraid Wentworth a tha ’m bathar air gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. REIC A MACH Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts., agus Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist. “STOR SAOR SHIDNI” F. A. CROWELL, Fear-Gnothich. Bruidhnidh na cleirich Gailig. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 308] [Vol. 2. No. 40. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APRIL 28, 1894. Tha side bhriagha bhlàth aca ann an Canada Uachdrach, agus tha na tuathanaich ag obair gu trang air curachd. Thainig seachd fichead de ghillean Albannach air tir ann an Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh iad gu baile Bhrockville ann an Ontario far am beil iad uile dol a dh’ fhaotainn dachaidhean. Bha acarsaid Halifax toiseach na seachdain so air a dùnadh a staigh le deigh air chor ’s nach robh e comasach do long no do bhàta a dhol aona chuid c mach no staigh. Cha robh i dùinte le deigh roimhe o chionn da fhichead bliadhna. Chaidh fear Alasdair Domhnullach, a bha ’g obair anns an fhactoridh bhròg ann an Sidni a Tuath, as a rian oidhche Di-sathairne s’a chaidh, agus ’sa mhaduinn Di-luain b’fheudar a thoirt dh’an tigh chaothaich anns a bhaile so. Bha choltas air o chionn treis a dh’ùine nach robh e na àite fhéin. Sheòl soitheach-smùide as a Ghearmailt toiseach a mhìos so air son tigh’nn a ghabhail luchd guail ann an Sidni. An deigh dhith a bhi air an uisge beagan laithean, fhuaradh air bòrd ochd deug de ghillean Gearmailteach a bha air iad fèin fhalach anns an toll an dòchas gu’m faigheadh iad am faradh a ghoid. Ach an àite ’n toirt tharis air an Atlantic, mar a bha iad an duil ’s ann a chaidh an cur air tir ann an Sasuinn. NAIDHEACHDAN. Tha dò-bhliadhnach mairt aig Mr. R. R. Moireastan ann an Gabarus a bhleòdhnas de bhainne ann an latha na ni da phùnnd ime. Tha e air a radh gu bheil airgiod meallta a dol mu’n cuairt gu math pailt an dràsda. ’Se buinn leth-dollar us cairteal dollar a’s pailte. Bu choir do gach neach a bhi air fhaiceall. Tha muinntir Eilean a Phrionnsa ’g am faireachadh fèin gle fhad air chùl air a gheamhradh ’s air an earrach so. Bha ’n t-side cho stoirmeil ’s gu robh na bàtaichean-smùide air an cumail gle thric air deireadh, agus bha iad gu tric ann an cunnart. Ach ’nuair thig an samhradh nithear suas an call. Tha aon de phaipearan naigheachd Phictou ag innseadh mar ni iongatach mu bhan-Innseanach no Sgua a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bhruidhneas Gailig. Tha duine ’sa bhaile so ag radh gu bheil, no mur eil gu robh, Innseanach de’n ainm Pierre Clemo ann an Baddeck a bhruidhneadh Gàilig, Beurla agus Frangais, a bharrachd air a chainnt bhòidheach mhàthrail fhèin, Mic-mac. Cha’n eil Gàilig am beul Innseanaich ’san dùthaich so na ni annasach idir. Cha’n urrainn do Bhreatuinn a radh gu bheil i cuibhteas an aimhreit ann an Africa fhathast. Tha righ no ceann-feadhna da’n ainm Kabha Rega a cur moran dragha air na daoine geala a nis o chionn fichead bliadhna no còrr, agus tha feachd Breatunnach an dràsd air falbh gus am tòrachd a thoirt a mach. Cha’n eil teagamh sam bith nach faigh iad buaidh, ach faodaidh gu’m bi iad gu math searbh dheth na daoine dubha mu’n toir iad fo chìs iad, oir tha iadsan aig an dachaidhean fèin agus eòlach air an duthaich, ’s tha na Breatunnaich cha mhor tur aineolach oirre. Bha baile Charlottetown o chionn bliadhna no dha gun lagh no reachd sam bith an aghaidh creic stuth làidir. Cha robh aig duine sam bith ri còir creic a cheannach, ach bha lan chead aig gach aon air a chreic fhad ’sa bhiodh iad leagte ri riaghailtean beaga a rinn seanairean a bhaile a thaobh uairean agus am fosgladh us dùnadh nan taighean òil. Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh bha cothrom aig an t-sluagh air am barail innseadh, ann biodh no nach biodh e iomchuidh an Scott Act a bhi na lgha ’sa bhaile, agus bha da bhòt air fhichead a bharrachd dhe’n bharail gu’m bitheadh. A réir coltais tha’m baile air a roinn gu math cothrom eadar càirdean agus naimhdean Mhic-an-Tòisich. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. Leabhraichean Giliag. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 309] [Vol. 2. No. 40. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha ceithir cheud gu leth mile (450) de rathad-iaruinn a nise fosgailte air a Ghàidhealtachd; bha sia mile deug (16) dheth sin air fhosgladh air a bliadhna so ’dh’fhalbh. Ann an sia seachdainean air an earrach so thugadh a stigh air an rathad suas ri da fhichead mile punnd Sasunnach. Aig co-chruinneachadh bliadhnail oil-thigh Dhalhousie thug an triùir a leanas a mhuinntir Cheap Breatunn a mach an onair, B. A.—Melvill F. Grannd, Cow Bay, Iain-an-Tòisich, Malagawatch, agus Aonghas Mac Aoidh, Grand River. Is mac Mr. Grannd do’n Urr. Uilleam Grannd, ministeir Chow Bay, agus ogha do’n àrd sgoileir, an t-Urr D. B. Blair nach maireann. Tha Politics ann an Newfoundland air an earrach so na’n droch bhrochan. Bha taghadh aca o chionn mios no dha agus an dèigh do aon phàirtidh an cumhachd fhaigbinn ’nan lamhan féin, chuir a chuidhle car dhith agus fhuair a’ phàirtidh eile stigh. Tha iad a nis mar gu’m b’eadh aig stad agus tha roinn mhath dheth na fir-ptàrlamaid ’gam fenchainn air son a bhi deanamh droch fheum a dh’aigiod mu am an taghaidh, agus a rèir a choltais tha iad uile ann an tomhas beag no mhor ciontach. Thatar a toirt oidhirp aig an am so air toirt orrasan aig am beil an stiùir ’sa Phàrlamaid Bhreatunnach, airgiod a chur air leth air son ròidean a dheanamh dh’ ionnsaidh nan taighean-sgoile ann an eilean Leòdhais. Bha suim mhath airgid air a chosg air na roidean sin an uiridh ach cha robh idir gu leòr ann gus an criochnachadh, agus mar sin cha d’ rinn an t-airgiod faisg uiread a dh’ fheum ’sa dheanadh e na’m biodh tuilleadh air a chur na cheann. Tha chlann ann an cuid a dh’àiteachan a faotainn tàire mhor a dol dh’an sgoil. Tha fios a Newfoundland ag radh gu bheil iasgach nan ròn gu bhi fad air deireadh seach mar a b’àbhaist ’sna bliadhnaichean roimhe so. Bha na ròin pailt gu leòr ach bha’n t-side cho stoirmeil ’s nach robh dòigh aig na soithichean air an glacadh. Ach bha àireamh mhor dhiubh air an glacadh mu na cladaichean, far nach b’ abhaist dhaibh a bhith idir. Rinn na stoirmeannan an cur as an rathad air na soithichean agus an cur gu dorsan nan iasgairean bochda air tir, dha’m bheil e na bhuannachd mhor. Tha mu cheud mile ròn aig luchd na tir air an glacadh mar tha agus tha e air a mheas nach bi an àireamh sin aia an glacadh lies na soithchean uile gu léir. ’Smath fior an sean-fhacal a tha ’g ràdh nach eil bàs duine gun ghràs duine. Tha na gualadairean ann am méinn Joggins, ann an Nova Scotia nan tàmh an dràsda a dùltadh obair a dheanamh. Sguir iad maduinn Di-Satharine s’a chaidh. Tha còir us tri cheud duine gun obair air tàilleabh sin. AN T-SIDE.—Tha’n taobh so dhe’n eilean fhathast air a dhùnadh a stigh le deigh agus tha i cur ceò agus fuachd oirnn nach biodh againn idir na’m biodh i air falbh. Tha ’n deigh air na h-acarsaidean fhathast ach tha i dol na’s laige na h-nile latha. Bha uisge mor ann oidhche Di-luain, agus bha beagan de thairnneanaich ’s de dhealanaich ann mu mheadhon oidhche Tha seana bhean da’n ainm Peigidh Nic Artaia, ann an Ichrachain ann an Siorramachd Erra-Ghàidheal a tha ceud bliadhna ’s aon a dh’aois. Tha i slan fallain, agus cho cridheil, sunndach ri mnathan nach eil a leth cho sean rithe. Leughaidh i Gàilig us Beurla gu fior mhath, agus air an Nollaig s’a chaidh fhnair i gini (21s.) mar dhuais o phaipear-naidheachd a chionn gum b’ i leughadair bu shine bha ’ga ghabhail. Leughaidh i am Biobull Gàilig gun uiread us speuclair a chur oirre. Tha i ris a phoib o chionn tri fichead bliadhna. Rinn an Siorram Mac Eachuinn òraid anns an Oban o chionn ghoirid, anns an Ard-sgoil, agus am measg nithean eile thubhairt e gu robh dà shluagh air an domhan a bha fad os ceann chàich. Cha robh teagamh sam bith aige nach b’iad na h-Iùdhaich, sluagh taghte Dhé, a b’airidh air a cheud àite, agus b’iad na Gàidbeil a b’fhaisge dhaibh. Dh’ earralaich e air na sgoilearan a bhi dichiollach ag ionnsachadh gach ni a b’ urrainn doibh, agus na’n deanadh iad sin nach leigeadh iad a leas cùran a bhith arra nach soirbhicheadh leotha, oir cha robh ann a b’ fhearr a gheobhadh air an adhart le ionnsachadh na na Gaidheil. Iadsan a Phaigh. Iain Mac Isaic, St. Andrews, N. S. Iain Domhnullach, Pinkie Town, Lachuinn Peutan, Halifax, Ruairidh Mac Leéid, Dunbheagain, Ont. D. M. Caimbeal, “ “ 50c. R. I. Grannd, Cashion’s P.O. “ An t-Urr. Iain Gillios, Dundas, P. E. I. E. Gillios, Murray, Har. S. P. E. I Iain Mac Calmain, Rudha Phrim, Fionnludh Mac-a-Ghabha, Bail-ur, “ Iain Caimbeal, Beinn ’Ic Mhannain, “ Uisdean Mac Aoidh, Garfield, “ Muracha Mac leoid, “ “ 25c. Alasdair Ross, M. D., Drochaid, Abhainn Vernon, P. E. I. Iain D. Mathanach, St. Peters, C. B. Aonghas Domhnullach, Bridgeport “ Iain A. Mac Phàrlain, S. W. Margaree, C. B. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 310] [Vol. 2. No. 40. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. AN latha na mhàrach ghabh mi slàn le Port Righ agus chaidh mi air bord bàta smùide beag tapaidh d’am b’ainm “Lochiall” agus a bha gu ar tabhairt gu Loch na Madadh. Bha an latha ciùin grianach agus am beagan gaoithe a bh’ann ’s ann bho’n iar-thuath a bha i. Aig sia uairean agus air a mhionaid dh’fhuasgladh na càblaichean agus sud suas ri cois cladach Thròtarnaish sinn ann an tiobadh. Mu thuaiream beagan mhilltean an iar-thuath air Port Righ tha uamha a Phrionnsa. Chitheamaid i na toll dubh agus cha mhòr nach cluinneamaid torman nan tonn mar a bha iad a brùchdadh a mach agus a steach innte. Cha ’n eìl fios agam c’ar son a thug iad “Uamh a Phrionnsa” orra so seach te eile. A réir coslais cha bhiodh mòran tàimh aige innte ’nuair a chuireadh an làn mara na chabhaig e. Tha na h-uidhir do dh’ uamhannan dhe’n t-seòrsa so air feadh na Gaìdhealtachd a’ giùlan an ainm cheudna. Ach gu mo sgeul. Ann am beagan uine bha sinn ann an acarsaid Staffa, agus thug sinn do bhata mòr ràmh mòran do ghoireasan na beatha so ann am pocannan, agus bocsaichean agus baraillean. Ged a bha sinn ùine ghasda bho’n chladach chitheamaid na tighean agus na raoinntean arbhair air an aonaich. Saoilidh feadhain a chaidh a bhreth agus àrach ’s an dùthaich so gur a tighean bòidheach le’m ballachan gealla agus tubhadh sgliatan fiodha (shingles) no cloiche (slates) orra a a bh’ annta. Cha’n e sinn a th’annta ach tighean a tha am ballachan dùmhail air a dheanamh cuid do cheapan agus cuid do chlachan le glut-lionadh ùrach eadar an dà bhalla. Tha an sin na maidean ceangail le’n sparan-gaoithe air an togail agus tha tri srethan thaobhan air an cur mor thiomchioll. Tha an sin na cabair air an cur orra agus tha iad so uile air an ceangal le siaman murain gus nach carraich iad. Tha an sin an sùgan connlaich no murain air a shuaineadh timchioll na srethan ’an uidhe began òirleach bho chèile o bhàra a bhalla gus a mhaide droma. Tha an sin a chonnlach, air a tarruing gu rèith, air a càradh gu h-eireachdail còmhdach air còmhdaich air muin so gus am bheil gu leòr air. Tha an sin a mhathair shiamain air a suaineadh mor thiomchioll aig bun bachd agus tha an siaman fraoich air chur na shrethan tarsuing air a mhullach agus air a cheangal ris a mhathair shiamain le doirneagan matha chlachan ris an abair iad na h-acraichan. Anns a mhor chuid dhiubh cha ’n eil uidhir simileir. Tha an teine air meadhon an ùrlair agus tha cead aig a cheò a bhi pògadh gach ni ’s an tigh mu ’s faigh i ’mach air an luidheir. Ach gu mo sgeul. Dh’fhàg sinn Staffa agus thàinig sinn air aghart ri cois a chladaich gus mu dheireadh an d’thàinig sinn ’am fianuis a chladaich an Iar. Chum sinn air aghart tarsuing a chuain Sgiathanaich le brìtheas beag do ghaoith an Iar thuath agus na tuinn gu leisg ach gidheadh morchuiseach g’ar tulgadh. Tha so a’ toirt air cuid dhe’r luchd turais a bhi faireachdain rud éigin neònach, agus mu dheireadh thall chiteadh fear thall ’s a bhos a cur nam buinn rithe gu cliathaich a bhàta ni a thug na’r cuimhne an luineag. “Sasunnaich le’m bial ’s le ’n sròin” “Ag cur ri biathadh ròn ’s a chuan.” Tha sinn a nis aig beul caolais Sgalpaidh agus chithear an tigh soluis air an rntha is faide a nuigh. Tha naigheachd bheag air innseadh co-cheanguilte ris an tigh so a dh’fheumas mi aithris—Bha boirionnach a mhuinntir h-Ioirt aon uair a siubhal troimh Sgalpaidh agus chaidh i air chall. Is e an oidhche a bha ann. Mu dheireadh thall chunnaic i solas an taigh sholais agus rinn i air. Bha aig an am sin, seann duine le falt fada liath agus feusag mhòr fhada dhe ’n t-seonsa cheudna air a’ gabhail cùram dhe ’n tigh sholais. Bha e làn de’n bheachd gu’n robh bana-bhuidsichean agus taibhsean ann. Ràinig a bhean mu dheireadh an tigh agus sud suas an staidhir i a’ deanamh stairneich nach robh ro chneasda leis a bhodach. Mu dheireadh thall rainig i am mullach far an robh am bodach na shuidhe ’am meadhom nan lòchran mòra. Ma bha cridhe a bhodaich na bheul leis an eagal bha a bhan Ioirteach air a lionadh le uamhas an t-seallaidh agus i a’ smuaineacheadh gur am an neamh a bha i. Thug am bodach sùil oirra agus thug ise suil air a bhodach. “Co thu?” ars am bodach. “An d’ thu fèin Dìa?” as a chailleach, “Co air bith a tha annamsa” ars am bodach “gu’n tugadh an—leis thusa,” agus sud g’a putadh sios air an rathed air an d’thàinig i am bodach. Feudaidh sinn a bhi cinnteach nach robh a chailleach am barrachd ’s a bhi toillichte le a turas do neamh an oidhche ud co dhiu. (Ri leantuinn.) A Ghailig agus an Eabhra. ’S aithne dhomsa duine araidh Gaidhealach ’tha posda ri bean usual Ghallda. Bithidh an duine so air uairibh a seinn dha fhein rannan dheth chainnt mhaithreil. Thuirt a bhean ris aon là araidh agus e ris a ghnothuch so. “B’fhearr leam fein gu’n tugadh thu thairis a bhi ris a chainnt mhosaich sin.” Cha robh sud a cordadh ri cridhe a Ghaidheil, agus ’s ann a thuirt a ris fein; “Bheir mise ort a bhean Ghallda, gu ’n aidich thusa air doigh eile thaobh mo chainnt uasail-sa.’ Agus mar sin, an deigh dha a freagairt, ag radh nach robh mosaich ’s am bith co-cheanghailte ris a chainnt aige-san. Dh’ fheoraich e dhi. “An cuala thu riamh dad de ’n a chainnt Eabbrach, agus ciod e ’m beachd a th’agad oirrsa?” “Thoir dhomh (ars ise) earann dhi, agus innsidh mi dhuit cia mar ’s caomh leam i? Chunncas a nis gu’n robh i gu tuiteam anns an rib a shuidhicheadh air a son; agus thug e dhi le guth cho glan, ’s cho suidhichte ’s a b’ urainn da na briathran a leanas: “Bha mi ’n dè ’m Beinn Dorainn, ’S na coir cha robh mi aineolach; Chnnnaic mi na gleanntan, ’S na beanntan a b’ aithne dhomh.” “Sin agad a nis (ars ise) cainnt ris an airidh cainnt a radh!” C. D. COMHAIRLEAN AITHGHEARR.—Eisd rium car tiort beag,—cha’n eil ach fior bheagan agam ri ràdh riut,—labhraidh mi e ann am facal no dhà; ach ’s làn-airidh iad air suim agus mothuchadh. Tha tri nithe anabharrach feumail do mhac an duine san t-saoghal—’s iad so, Biadh, Aodach, agus Cadal. Nam bu mhian leat do lòn ithe le taitneachas, agus blas math a bhi air, saoithrich chum a chosnadh; nam bu mhiann leat tlachd a bhi agad ann an aodach, pàigh e mun cuir thu umad e; agus nam bu mhiann leat cadal math fhaotainn, thoir deagh choguis leat do d’ leabaidh. Dean na nithe so, agus bidh tu a’ d’ dhuine cothromach, subhach, a thaobh an t-saoghail so, agus a thaobh an t-saoghail eile. Ma’s miann leat a shealbhachadh ann an glòir, lean Esan a thubhairt, “Is mise an t-slighe.” Earb ’na iobairt-réite, gluais ’na cheumannaib, gràdhaich e; agus an sin bidh tu sona san t-saoghal so, agus anns an t-saoghal a tha ri teachd. Chaidh botul portair a thairgse do Dhròbhair each Gàidhealach ma ’n aidicheadh e an dèigh dha each a bh’ aige a reic fàillinnean an ainmhidh. Chaidh am botul òl, agus an sin thubhairt e nach robh ach dà chron air an each. ’N uair a leigte e mu sgaoil bha e duilich breith air agus ’n uair a gheibhte greim air cha robh feum ’s am bith ann. [TD 311] [Vol. 2. No. 40. p. 7] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. Gidheadh mhianaich Cridhe Subhach, Caithris, agus cuid eile a bhi sealbhachadh nithe matha na beatha so. “Cha’n eil an saoghal cho dona sa their cuid,” ars iad-san, “tuilleadh fòs ma thaghlas sinn aig na h-eileanan, co aig tha fios ciod am math a ni e dhuinn.” A nis, mar a ni sior-shileadh a chlach a chaitheamh as, air a mhodh cheudna, air do Chriosduidh bhi cluinntinn o latha gu iatha an iarrtnr agus am miann air aon de na h-eilleanan fhaicinn, agus fios a ghabhail orra, thainig e dh’ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu faodadh e striochdadh. Os bàrr fhuair e briathran àraidh ann an leabhar na Beatha bha toirt gnùis do’n rùn so, mar a ta iad so, “Uime sin dh’fhàgadh fois fa chomhair sluagh Dhé” agus mar so a’ cur seadh air na briathran a chòrdadh ir mhéin féin. Beagan laithean as déigh so bha iad a seòladh seachad air Riarachadh Saoghalta. Bha’n t-eilean ’san t-sealladh, agus bhuineadh e do Iudas Mhamon. Bha ’n t-eilean iomraiteach do bhrigh gu robh òr na tire sin math: an sin tha moran chlochan luachmhor. Bha fios aig Criosduidh na’n taghladh soithichean Imanuel aige gur ainnig a dh’ fhàg iad e, uime sin b’ àill leis gabhail seachad air. Bhuail a chlann am basan, thog iad àrd-iollach agus dh’asluich iad air dhol dh’ionnsudh an eilein. Dhealraich a’ ghrian gu loinnireach air gus an robh Riarachadh Saoghalta’ coimhead mar chrùn airgid a dearrsadh le seudan. “Thoir a null sinn, ’athair,” arsa chlann: Fhreagair esan, “Na gràdhaichibh an saoghal; ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, cha’n eil gràdh an Athar ann.” “Ach,” ars a bhean, nach fàs a chlann borb ann an cainnt agus ann an eòlas mur faic iad beagan dhe’n t-saoghal. Tha na maraichean gle mhath agus glè choimhneil, ach tha feum aig a chloinn againn air roghadh cuideachd.” Fhreagair esan i; Theid sgiamh an t-saoghail so seachad,” agus bha mor ioghnadh air thaobh nam briathran. Cha robh fhios aige-san cia mar a ghuidh a chlann oirre eadar-ghuidhe a dheanamh ri’n athair, a smuaineachadh nach b’ urrainn dhaibh-san na’n aonar impidh a chur air-san. Cha mhor nach do dhi-chuimhnich Peadar agus Tomas an sgiùrsadh a fhuair iad bho Thighearna na cogais, uime sin cha do ghluais iad gu cubhaidh mar daoine glic ag ath-cheannach na h-aimsir, ach bha iad neo-ghlic gun bhi tuigsinn toil au Tighearna agus an aite bhi air an lionadh leis an Spiorad, a’ labhairt riutha fein ann an salmaibh ann an laoidhibh agus ann an danaibh Spioradail a’ seinn agus a deanamh ciuil ’na’n cridhe do’n Tighearn; nuair nach biodh an Athair dluth a laimh, sheinn iad cuid de dh-oranan na ’m Babilonach. (Ri leantuinn.) Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. THA MEAS AIR MINARD’S LINIMENT. C. C. RICHARDS & CO.— Cuir thugam air a cheud la de dh’ April 1440 dusan botull de Mhinard’s Liniment, fiach $2000.00, agus paighear thu mar a’s àbhaist. F. J. BARNES. St. John’s. Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 312] [Vol. 2. No. 40. p. 8] Oran Luaidh no Fucaidh. LE DONNAHA BAN MAC AN T-SAOIR. LUINNEAG. Hò rò gu’n togainn air hùgan fathasd, Hò rò iù mu’n tèid mi laidhe; Ho ro gu’n togainn air hùgan fathasd. Togamaid fonn air luadh a’ chlòlain; Gabhaidh sinn ceòl, a’s òrain mhatha. Hò rò gu’n togainn, &c. B’ fheairrd’ an clò bhi chòir nan gruagach, A dheanadh an luadh le’n lamhan; ’Nuair a thionndas iad air clèith e, Chluinnte fuaim gach te dhiù labhairt. Orain ghrinne, bhinne, mhìlse, Aig na rìbhinnean ’gan gabhail; Luinneag ac’ air luadh an eudaich, Sunntach, saothrachail, ri mathas. Thogamaid fonn gu ceòl-mhor, aotrom Air a’ chlò bu daoire dathan. An clò brionnach, ballach, ciatach, Triuchanach, stillagach, gathach; An clò taitneach, basach, bòisgeil, Laiste, daoimeanach, ’s e leathann. Gu’m bu slàn a bhios na caoirich Air an d’ fhàs an t-aodach flathail. Beannachd aig an làimh a shnìomh e, ’S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe: ’S ann is coltach ris an t-sìd’ e, Dh’ fhàg i mìn e, ’s rinn i math e, Snàth cho ruithinn ris na teudan, ’S e cho rèidh ’sa dh’ fheudte shnaitheadh: Cha robh pluc, no meall, no gaog ann, No gìog chaol, no sliasaid reamhar. ’Nuair a thèid an clò a’n mnàrgadh. ’S ni ’n t-airgead air an rathad. Cha bhi slat a sìas o chrùn deth, Miann gach sùl e anns an fhaidhir. Cha bhi suiridhich’ anns an duthaich Nach bidh ’n dùil ri pàirt deth fhaighinn. ’S ann a tha ’n toil-inntinn aodaich Aig na daoin’ a bhios ’ga chaitheadh. Thogainn am fonn a dh’iarradh pòitear, As luaidhinn an clò bu mhiann le muathan. ’S olc an obair luadh no fùcadh, Ma bhios tùchadh oirnn le padhadh. Chuireadh e sunnt air muinntir òga, Suidheadh mu bhòrd ag òl gu latha. Puinse le glaineachan làna, Deochana-slàinte ’gan gabhail; Greis air fion, a’s greis air branndai, Greis air dràm do’n uisge-bheatha; Greis air fìdhleireachd ’s air dàmhsa, Greis air canntaireachd ’s air aighear. ’Nuair thèid stàirn an àird an aodainn, ’S ro mhath ’n t-àm do dhaoine laidhe. Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. Chaidh Donnacha Mac Fhionnlaidh, gearradiar guail ann am méinn a Reserve a leònadh gu dona deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha e aig ’obair agus thuit pàirt dhe’n mhullach air a mhuin. ’N uair a fhuaradh a thoirt as, bha cnaimh an uga (collar bone) agus dha no ri dheth ’aisnean air am bristeadh. POSAIDHEAN. Aig Cow Bay, April 17mh, leis an Urr. Uilleam Grannd, Niall Mac Cuish, us Mairi nighean do dh’ Ailain Mac-a-Phiocair. Aig Cow Bay, April 16mh la, leis an Urr. Uilleam Grannd, Uilleam Domhnullach, Cow Bay, us Curstidh Nic Gilleaìn, Clarke’s Road. Aig a Bharrasois, April 24mh, leis an Urr. A. F. Mac Gille bhràth, Aonghas Mac Carmaic, Cùl Bhaoghasdail us Seonaid Young as a Bhras d’Or Bheag. Aig Waltham, Mass., April 10mh., leis an Urr. S. C. Gunn, Domhnull N. Mac Leold, as na Narrows Bheaga, us Floiri Seonaid Mhathanach, a Baddeck. Aig Baddeck, April 17mh. la, leis an Urr. D. Dùghallach, Niall Mac ’Ill-fhinnein, (Mac Ruairidh) as an Amhainn Mheadhonaich, us Isabel, nighean Alasdair Ruaidh ’Ic Rath, a Baddeck Mhòr. BAIS. Aig an Allt Dhubh ’s an Eilean Mhor, air a 4mh. la dhe’n Mhàrt, Iain Mac Coinnich, tri fichead bliadhna ’s a sia deug a dh’ aois. Rugadh e ann an Siorramachd Rois, an Alba. Aig Man-ò-War Point ’s an Eilean Mhor, an 4mh, la dhe’n Mhàrt, Anna, nighean Sheunais ’Ic Amhlaidh, seachd bliadhna deug gu leth a dh’ aois. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 313] [Vol. 2. No. 41. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 5, 1894. No. 41. An Siorram Mac Eallair. Air an aonamh latha deug de dharra mios na bliadhna so, chaochail ann am baile mor Hamilton, an Ontario, Gilleasbuig Mac Eallar, Siorram Wentworth, duine aig an robh meas mor air a chainnt mhàtharail, agus air gach ni Gaidhealach. Bha e ’na dhuine air an robh eòlas air feadh Chanada air fad, air dha bhi àireamh bhliadhnaichean anns a phàrlamaid. Tha e air aithris air gu robh e aon latha na shuidhe ’n tigh na pàrlamaid nuair a dh’ eirich Frangach ’sa thòisich e air labhairt ’sa chainnt aige féin air a cheist a bha fa chomhair an taighe. Cha bu luaith a shuidh e na dh’ eirich Mac Eallar [?] a thug e dhaibh òraid eireachdail ann an Gàilig, mar sin a deanamh spòrs mor dhaibh-san a thuigeadh e, ’s a cur fearg us dorran air an Fhrangach, nach robh ’g a thuigsinn. ’Nuair bha Marcuis Lathairn an Canada chuir Mac Eallair litir Ghàilig d’ a ionnsaidh mar a leanas:— Do’n Ard Dhuin-Uasal, Sir Iain Caimbeul, Morair Latharna, agus Ard-Uachdaran Chanada. Gu’m bitheadh e taitneach do ar n-Oirdhearcas. Tha mi ’gabhail danachd a chuir da ’r n-ionnsuidh fa chomhair Latha Nollaig, ’tha dluth air laimh, da choileach fhrangach, a’ chum agus gum faic sibh a ghne eunlaith a tha ann san tir so. Tha dochas agam gu’n gabh sibh iad mar chomharradh air an urram agus an dilseachd ’tha mi ag altrum araon a thaobh ar n-Oirdheareas fein agus a thaobh ur CEILE RIOGHAIL, nighean ar Banrighinn Ghradhaichte. Gum bitheadh sibh araon a’ sealbhachadh slainte agus mor shonas car iomadh bliadhna ’se iarrtas cridh ur seirbheiseach umhal. GILLEASBUIG MAC EALLAR, Fear a mhuinntir Inbhir-Aoradh. Baile Mor Hamilton, An treas-la-fichead do’n dara-mios-deug, 1878. Agus so am fios-freagairt a fhuair e:— TIGH AN RIAGHLAIDH, OTTAWA, An ceathramh-la-thar-fhichead do’n dara-mios-deug, 1878. Tha ’m Priomh Uachdaran ro thaitneach le litir chaoimhneal Mhaighstir ’ic Eallar agus taingeal air son an fhailte Ghaidhealach a chuir e da ionnsuidh. Tha e ’cuir meas air mar ghibht’ o aon do mhuinntir Inbhir-Aoradh a choisinn cliu da fhineadh agus da ainm anns an t-saoghal ur; agus mar dhearbhachd air a ghradh do’n Bhan-righinn tha air alturm le pobull na duthcha so. LORNE. Tha sinn ann an àit eile a toirt d’ ar luchd-leughaidh, cumha a rinneadh do’n t-sàr dhuin’ uasal so le Uilleam Murray, bàrd a chomuinn Ghailig ann a Hamilton. Bha Mac Eallar na Uachdaran air a chomunn sin aig am a bhàis. Litir a Lunnuinn, Bas a Chumuinn Ghailig. Fhir-deasaichidh,—Feumaidh mi bhi ’g iarraidh maitheanas oirbh airson a bhi cho fada gun sgriobhadh g’ur n’ ionnsaidh ach a dh’ innseadh na firinne se ’n t-aobhar nach cuala sibh uam o chionn mios no dhà nach robh mi airson dragh a chur oirbh leis na trioblaidean a bh’ againn co-cheangailte ris na Comunnan Gaidhealach anns a bhaile so. Smuainich mi gu ’m b’ fhearr na droch naigheachd a bhi gun naigheachd idir. Tha Comunn na Gaidhlig an deigh am bàs fhaotainn le laimh fein. ’S ann mar so a thachair e. Chaidh aireamh mhath de bhuill a leigeal a steach do ’n chomunn aig nach robh a Ghaidhlig, ach a bha cumail a mach gu ’n robh iad ro dhéidheil air na h-uile cuideachadh a thoirt do ghnothaichean Gaidhealach. Cha robh iad fada na ’m buill nuair a leig iad ris nach robh moran gaoil aca do ’r cainnt agus mu dheireadh ’s ann a dh’ fhàs cùisean cho searbh dhaibh ’s gu ’n d fheuch iad ri stad a chur air a Ghaidhlig buileach. ’S e bu deireadh do’n chùis gu’ m b eudar do na fior Ghaidheil an comunn fhàgail agus a nis chaneil e na Chomunn Gaidhlig ach an ainm. Tha mi cluinntinn gu ’m beil iadsan a thainig a mach a bruidhinn air Comunn a chur air chois dhaibh fein agus ma thacharas sin chaneil teagamh sam bith nach fheum luchd na Beurla iad fein a bhaisteadh as ùr oir cha ’n iad Comunn Gaidhlig Lunnainn ni ’s fhaide. Ach am measg na h-ùpraid so gu leir tha aon Chomunn againn anns am faod gach fior-Ghaidheal tlachd a ghabhail, se sin “Comunn ionnsachadh na Gaidhlig,” no mar their sinn gu tric an class Gàidhlig. Tha e so a leantuinn air a bhi deanamh oibre maith agus ’s i so a bhliadhna a’s soirbheachadh ann an ionnsachadh na cainnt tha e na chleachdadh aig buill a chlass greis a thoirt gach oidhche air seinn oran Gaidhlig agus theid ac air sin a dheanamh cho math a nis ’s gu ’m beil iad a dol a thoirt oibre a gheamhraidh gu crich le bhi toirt coisir-chiuil (no mar their sinn anns a Bheurla concert) air an tritheamh la de ’n cheitean. Bha Paipeir-naigheachd Abannach air a chur air chois an so an uiridh ach mar rinn a dha no tri de leithid roimhe tha e air dol as an t-sealladh. Ged a bha e Albannach an ainm cha robh e ach gle mhio-bhlath mu nithean Gaidhealach, air chor ’s, ged a tha mi duilich gu ’n d’ fhuair e ’m bàs, nach eil e na chall mor do na Gaidheil. Cha ’n urrainn domh co-dhunadh gun a bhi toirt tanig do ar deadh charaid “Iain” airson a sgriobhaidhean gasda. Tha na h-uile neach a tha leughadh MHAC-TALLA fodh chomain mhòr dha. CABAR FEIDH. 18—4—94. Tha dùil ri té no dha dhe na soithichean cogaidh Frangach a bhi ’an acarsaid Shidni toiseach an ath mhios. [TD 314] [Vol. 2. No. 41. p. 2] NA SEAN-FHACAIL. IV. “Lagh na cuirte—a bhith gu dana, modhail.” “Millidh danadas modh.” THA ’n da shean-fhacal so a’ nochdadh gu soilleir dhuinn am beachd a bh’ aig na daoine a bh’ ann o shean air mar bu choir do mhuinntir iad fhein a ghluasad an uair a thachradh dhaibh a bhith ann an cuideachd dhaoine a bhiodh ann an inbhe aird os an cionn. Tha e anabarrach comharraichte gu bheil am beachd a bh’ aca a’ co-chordadh ris an doigh anns am bheil fior dhaoine uaisle ’gan gluasad fhein an uair a thacbras dhaibh a bhith ann an cuideachd ard-uaislean na tire. Tha cuid ann aig am bheil toil a bhith modhail, ach an aite a bhith cho dana ’s bu choir dhaibh, ’s ann a tha iad diuid, fad as, mar gu’m biodh eagal orra tighinn dluth do dhuine sam bith. Da ni nach ’eil idir tlachdmhor ann an duine sam bith, ’s e sin, danadas agus diuideachd, mur bi modh nam fochar. Bheir danadas air duine dhol air aghaidh, ach cumaidh modh e gun a dhol air aghaidh ni ’s fhaide na ’s coir dha. Ma theid danadas tuilleadh is fada air aghaidh, millidh e modh. Is minic a thachair so. Chuala sinn iomadh uair daoine ag radh, “Is e gille grinn a th’ ann, ach tha e car beag dana.” B’ fhearr leinn gu mor duine a bhith car beag diuid na car beag dana. Faodaidh am fear diuid fas dana gu leor, agus mar sin, a bhith modhail gu leor; ach is gle ainneamh leis an fhear a tha ro dhana fas diuid. “Na toir bean a taigh-mor, ’S na toir bo a gràisich.” Tha e soilleir dhuinn gur e duine aig nach robh aon chuid taigh-mor no gràisich a labhair an sean-fhacal so an toiseach. Agus tha e mar an ceudna soilleir gur ann air duine dhe sheorsa fhein a thug e ’chomhairle. Nis, tha ’chomhairle so gle ghlic do ’n duine air am freagair i. Cha ’n ’eil e glic a dh’ fhear sam bith bean a phosadh mur ’eil doigh aige air a cumail suas. A’ bhean a thig as an taigh-mhor, co dhiubh bhios i ’na nighinn a dh’ fhear an taigh-mhor, no ’na searbhanta anns an taigh-mhor, faodar a bhith cinnteach gu’m bi i suas ri cosgais ann am biadh ’s ann an aodach nach freagair air staid duine bhochd, chumanta. Am fear a phosas nighean fir-an-taighe-osda, no nighean fir-na-butha, feumaidh e a cumail anns gach doigh pailt cho comhfhurtail ’s a bha i ann an taigh a h-athar. Mur dean e so cha bhi e fhein no i fhein toilichte latha gu brath. Ma phosas fear te a bhios tuilleadh is ard ann an inbhe os a chionn, is docha gu’m bi i aig amannan ag amhaac sios air fhein, agus air a chairdean. Ma bhios so mar so, faodar a bhith cinnteach nach bi sith anns an taigh. Far nach bi sith cha bhi soirbheachadh. Cha fhreagair bo a thig a baile-cruidh, no, mar a theireadh na seann daoine, “a graisich,” air duine bochd idir. Cha bhiodh ann do’n bhoin ach tighinn o ’n chothrom a dh’ ionnsuidh ana-cothrom. O ’n is ann as a ceann a bhligeas a’ bho, theid i air a h-ais anns gach doigh mur cumar rithe an cothrom a bh’ aice o thoiseach. Anns a’ ghraisich, bhiodh feur aice, mar bu trice, gu a cluasan; ach aig an duine bhochd, cha bhiodh aice ach a bhith ’criomadh air am lompar fhuar mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh i. “Cha bhi bainne aig bo fir, ’S cha bhi obair an each mna.” Bha e riamh ’na chleachdadh ann am measg nan Gaidheal, agus a reir mar a tha eachdraidh ag innseadh dhuinn, ann am measg gach cinnich eile, a bhith toirt a bheag no nhor de thochradh seachd leis na nigheannan an uair a phosadh iad. ’S an am a dh’ fhalbh cha robh an t-airgiod ach gle ghann am measg nan Gaidheal. Mar bu trice, ann am measg nan tuathanach beaga, bheirteadh bo no dha mar thochradh do gach nighinn an am dhi posadh. Ach a reir an t-sean-fhacail, tha e coltach gu robh na mnathan uair is uair a’ faotainn each mar thochradh. Tha e nadurra gu leor do na fir a bhith measail air na h-eich. Tha iad mar so o ’n oige. Air an laimh eile, tha na mnathan an geall air a bhith am measg a’ chruidh. Is ainneamh nigheann og aig am bheil eolais air crodh aig nach ’eil tlachd a bhith uair is uair a’ bleoghann anns a’ bhathaich, agus a’ biadhadh nan laogh, agus a’ faicinn a’ chruidh a’ fas lionmhor ’s a’ cinntinn suas. Bidh na mnathan gu nadurra ag iarraidh a bhith gu math ris a’ chrodh a chum gu bi laoigh is bainne aca. Ach is fhearr leis na fir, mar is trice, bas a leigeil leis a’ chrodh na gu’m biodh eis sam bith air na h-eich. Chunnaic sinn iomadh uair, agus cha ’n ’eil ro fhad uaithe, gu’n do ghleidheadh an crodh a thainig o mhart-tochraidh na mna, agus gu’n do reiceadh aon an deigh aon de ’n chrodh a bh’ aig an fhear an uair a phos e. B’ e ’n t-aobhar a bha aca air son so a dheanamh, gu robh crodh na mna ni b’ fhearr gu bainne na crodh an fhir. Dh’ fhaoidteadh gu robh so mar so, agus dh’ fhaoidteadh nach robh. Mar a bhiodh meas a bharrachd aig a’ mhnaoi air a’ chrodh a gneibheadh i mar thochradh, bhiodh meas a bharrachd, mar an ceudna, aig an fhear air na h-eich a bhiodh aige fhein. Bhiodh e eolach air an gne ’s air an doighean. Agus ged nach biodh each na mna dad ni bu mhiosa na na h-eich aige fhein, shaoileadh e gu’m biodh e moran ni bu mhiosa. “Is fhearr an t-olc eolach na ’n t-olc aineolach.” Tha e furasda thuigsinn nan tachradh—mar is minic a thachair ann an iomadh teaghlach—gu ’n tigeadh facal eadar fear-an-taighe agus bean-an-taighe mu thimchioll each no chruidh, gu’n teannadh esan ri ruith sios nan each a fhuair ise mar thochradh, agus gu’n teannadh ise ri ruith sios a’ chruidh a bh’ aigesan mu’n do phos i e. “Tha ’smudan fhein a ceann gach fòid, ’S a bhron fhein aig ’gach neach.” Tha muinntir ann a tha ’n duil gu ’m biodh iad moran ni ’s fhearr dheth na tha iad na ’m biodh iad anns an t-suidheachadh anns am bheil iad a’ faicinn dhaoine eile mu’n cuairt dhaibh. Ach tha iad so a dichuimhneachadh nach ann ri ’fhaicinn is coir ni, no neach, no suidheachadh sam bith a ghabhail. An uair a bhios sinn a’ gabhail an rathaid troimh ’n duthaich, chi sinn iomadh taigh mor, maiseach, agus bidh sinn gu tric a’ smaoineachadh gu bheil gach sonus, agus beannachd aimsireil ann am pailteas air an sealbhachadh leis gach neach a tha ’gabhail comhnuidh anns na taighean mora, maiseach ud. Mar is trice, faodaidh sinn a bhith air ar mealladh. Gheibh an trioblaid, agus am bron agus am bristeadh cridhe agus am bas a steach eadhon do na luchairtean rioghail. Cha chum airgiod no or air falbh na draghannan, agus na trioblaidean do bheil na h-uile buailteach anns a’ bheatha so. A rithist, an uair a tha fios againn gu bheil suim mhath airgid a’ tighinn a steach air na daoine a tha ann an suidheachadh ard os ar cionn, bidh [TD 315] [Vol. 2. No. 41. p. 3] sinn deas gu bhith ’g radh gu faodadh iad moran a thoirt seachad air son iomadh aobhar math a chur air aghart a bharrachd air na ’s fhiosrach sinn a tha iad a’ toirt seachad. Faodaidh ar barail a bhith gle mhearachdach. Mar is trice, far am bheil an tighinn a steach mor tha ’chosgais mor mar an ceudna. Na’n robh sinne ann an aite na’n daoine so, bhiodh fhios againn gur ann mar is airde a tha suidheachadh duine is mo a dh’ fheumas cosgais a thaighe agus a theaghlaich a bhith. Is ainneamh a thachras duine bochd ruinn a tha idir a’ tuigsinn trian dhe na tha de chosgais air an duine bheairteach a thaobh nithean nach tig a chum ’fheuma fhein, no feum a theaghlaich gu brath. “Cha ’n fhidir an saitheach an seang; ’S mairg a rachadh ’na thraill do’n bhroinn.” Mar nach tuig an duine bochd suidheachadh an duine bheairtich, cha mho a thuigeas an duine beairteach suidheachadh an duine bhochd. Cha ’n ’eil e ri bhith air a thuigsinn o ’n t-sean-fhacal so nach fhaod moran truais, agus co-fhaireachaidh a bhith aig an duine bheairteach ris an duine bhochd, ged nach tuig e o fhein-fhiosrachadh staid an duine bhochd. Is e ’n saitheach, no, ann am briathran eile, an duine a ghabhas a shath de ’n bhiadh de n deoch, agus a thig gu bhith ’na thraill do’n bhroinn, mu’m bheil am facal air a radh. An duine nach d’fhairach riamh acras mor, cha’n ’eil e’n comas dha fios bhith aige ciod a th’ ann an acras mor. An rud nach tuig sinn cha’n urrainn sinn labhairt le tuigse mu ’thimchioll. Tha fhios againn gu bheil araon geocaireachd agus poiteireachd a’ toirt air falbh o gach neach a tha fo ’n riaghladh, tomhas mor de na caoin-fhaireachdainnean leis am bheil muinntir air an gluasad gu bhith fiosrachadh a’ bhochd agus an fheumaich. Tha cuid ann agus feumaidh iad am pailteas de ’n bhiadh ’s de ’n deoch fhaotainn, eadhon ged a bhiodh an cuid leanaban beaga, laga a’ dol bas le cion a’ bhidh. Nach beag suim a th’ aig an fhear a tha ’na shineadh leis an daoraich do ’n chloinn bhig, laig a dh’ fhaodas a bhith gle ghann de bhiadh ’na thaigh? An uair a thig duine gu bhith ’na thraill do ’n bhroinn, bidh e dluth air a bhith cho iosal ’na dhoigh ’s ’na ghne ris na ainh-mhidhean. Is e suidheachadh ro bhochd an suidheachadh so. Thugamaid ar ceart aire nach bi a h-aon dhinn anns an t-suidheachadh so gu brath. IAIN. Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor. Tha gluasad mor air an earrach so am measg nan daoine a tha gun obair anns na Stàitean. Tha e air a radh mu ’n fhear a bhios na thàmh, gu’n cuir e na cait ’s an teine, agus ann an seadh is fior an radh e, oir duine bhios na thamh feumaidh e bhi ri rud-eigin; agus ’nuair a tha duine air éigneachadh gu bhi ’na thàmh, mur toir e làmh air math, bheir e lamh air an olc. Ma’s math no olc a th’ air aire nan daoine so, tha àireamh mhor dhuibh air cruinneachadh cuideachd agus a mearsadh mar armailtean cogaidh air feadh na dùcha, ’s iad uile a cur an aghaidh air a cheann-chaile, Washington. Ràinig aon bhuidhean anns an robh tri cheud fear am baile sin mu thoiseach a mhios, ach cha d’ fhuair iad air adhart mar bu mhath leo idir. Cha d’ fhuair iad cothrom air an tagraidhean a chur air beulaobh an luchd-riaghlaidh mar a dh’ iarr iad, agus bha na maoir air an sàil gach taobh an rachadh iad a chumail riaghailt orra. Tha iomadh buidheann dhe’n t-seòrsa ri tighinn fhathast, agus tha iadsan a tha ann an ùghdaras a cur an cinn cuideachd, feuch an urrainn dhaibh a dheanamh a mach ciod a thig as a ghluasad so, no ciod is còir dhaibhsan a dheanamh dha ’thaobh. Minard’s Liniment ’s gach aite. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 316] [Vol. 2. No. 41. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 5, 1894. Gheibhear ann an àit eile litir o ar seann chairid, “Cabar Féidh,” ag innseadh mu bhàs a chomuinn Ghàilig a bha ’sa bhaile mhor sin. Chuireadh Comunn Gàilig Lunnuinn air chois o chionn glè fhaisg air sia fichead bliadhna, agus bha soirbheachadh math leis riamh o’n thoisich e. Agus cha robh am ’na eachdraidh bu mho bha shoirbheachadh leis na anns na bliadhnaichean mu dheireadh, gus an d’ thainig na Goill a stigh ’sa chuir iad buill a chomuinn an amhaichean càch a chéile. Bu chòir so a theagasg do gach Comunn Gailig a tha ann an bith, gun iad a ghabhail gnothach ri fear gun Ghailig mur bi iad dearbh chinnteach as a dheagh rùn dhaibh. Ma theid Comunn Gàilig Lunnuinn a chur air a bhonnaibh a rithist, rud a tha sinn an dòchas a theid, (oir bhiodh e na chall mor agus na mhasladh do na Gàidheil mur biodh a leithid ann idir) cha’n eil teagamh againn nach bi iad air am faiceall roimh na naimhdean, agus nach cum iad a mach gu buileach iad. Cha’n eil a bheag a dh’ atharrachadh air cùisean ann an Newfoundland seach mar bha iad o chionn mios. Tha ann am pàrlamaid na dùcha sin, mar tha ann am pàrlamaid gach dùthaich eile air an cuala sinn’ iomradh, da phàirtidh a comhstri gu dian mu ’n riaghladh, agus a reir coltais cha’n e math na dùcha a’s fhaide tha dol sios aig a chuid a’s mò dhiubh, ach am math féin, agus nuair a tha luchd nam politics a fàs mar sin, b’ fhearr gu mor as no ann iad, agus ma’s fior an sgeul tha na h-uile coltas air gum bi moran dheth ’n àireamh a bha roimhe so a cur dhiubh air ùalar pàrlamaid Newfoundland air an cumail aig an taighean ’na dheigh so le lamh laidir an lagha. ’S bochd an ni do dhùthaich sam bith mur urrainnear daoine fhaotainn innte a chuireas a cùisean air dòigh, ’s a laimhsicheas a cuid airgid gun an làmhan fein a thruailleadh leis; ach ’s ainneamh an dùthaich no a mhòr-roinn nach cluinnear a gearain. Tha seanadh nam Stàitean Aonaichto na shuidhe fhathast, ’s na seanairean cho trang sa bha iad riamh a cagnadh càch a chéile mu’n tariff. Thòisich iad o chionn còrr us sia miosan air ceartachadh nan cisean a bha air an leagadh air gach seòrsa bathair a thatar a toirt do’n dùthaich, agus cha mhor nach eil iad an diugh anns a cheart àite an robh iad an latha thòisich iad. Bha an dùthaich gle fheumach air na h-atharraichean a bha iad a dol a dheanamh, agus bha làn dhòchas aig an t-sluagh gu’m bitheadh iad deante fada roimhe so, ach tha e coltach nach robh sin an dan dhaibh, agus tha ’n dùthaich agus an sluagh cho dona no na’s miosa dheth na bha iad an latha shuidh an seanadh. Tha na seanairean a h-uile latha aig an obair, ’s a’ gabhail a ghnothuich air an socair. Tha iad uile a reir coltais dhe’n bharail gur olc an comharra air daoin’ uaisl’ iad a bhi ’nan cabhaig. Ach cha’n ann a h-uile latha bhios mòd aig Mac-an-Tòisich no aig seanadh nan Stàitean agus ’s math nach ann. Tha fathunn ag innse gu bheiltear an deigh naoidhnear dhaoine dubha a chrochadh (gun lagh) ann an Louisiana, aon de na Stàitean a deas, air son mort aon duine geal, agus nach eil luchd-tòrachd na fala fhathast sàsuichte. Tha drochaid bheag thairis air loch uisge ann an Indiana a tha sior dhol fodha a dh’ aindeòin na nithear rithe. Thatar gun tàmh a tòrradh fiodha ’s claiche foidhpe air son a neartachadh, ach tha h-uile ni a chuirear ann a dol fodha. Tha na h-uile choltas air an loch nach eil grunnd aig idir. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Giliag. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 317] [Vol. 2. No. 41. p. 5] NAIDHEACHDAN Bha stoirm mhor shneachda ann an Newfoundland lath Bealltuiun; bha ’n sneachda, ’nuair a sguir an stoirm, da throidh a dhoimhnead. Bha na h-acarsaidean aig an am cheudna air an dùnadh le deigh. Chaidh duine òg d’ an ainm Marshall Guthro, a mhuinntir French Vale, as a riam an la roimhe, ann am Bridgeport far an robh e aig obair. Tha e fhathast aig a dhachaidh, agus tha dòchas aca gu’n téid e na’s fhearr. Bha crith-thalmhainn anns a Ghréig toiseach na seachdain so a rinn call mor. Tha e air a radh gu’n do chaill air a chuid bu lugha còig ceud pearsa am beatha. Cha robh call sam bith air a dheanamh ann an Athens, ceanna-bhaile na dùcha. Tha phàrlamaidh ’na suidhe ann an Ottawa agus ag obair gu trang. Ged tha roinn mhath de chathachadh aca, tha ’n obair a dol air adhart gu h-òrdail, agus tha choltas air an tigh nach bi e ’na shuidhe ùine cho fada ’sa bha e iomadh bliadhna roimhe so. Chaidh ceithir cheud dollar ($400) a ghoid as an stor aig Walter Lawrence, ann an Cheticamp aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha Mr. Lawrence féin agus duine no dithis eile ann an tigh dlùth air laimh aig an am. Tha amharus aca air duine a chunnacas mu’n cuairt an latha sin, ach cha d’ rinneadh dad gus a chur an greim fhathast. Tha ’m fiabhras dearg gu math pailt anns a’ bhaile o chionn seachdain no dha agus ’s ann a dol na’s pailte a tha e. Tha e anns an taigh aig an Urr. Mr. Forbes, agus cha b’ urrainn dha a dhol a mach a shearmonachadh air an t-Sàbaid s’a chaidh; tha sinn a tuigsinn co-dhiu gu bheil e ’n duil a bhi s’a chùbaid am màireach mar a b’ àbhaist. Tha saoir Mhontreal a bagairt sgur a dh’ obair. Tha iad ag iarraidh uairean na h-oibreach a thoirt a nuas gu naoidh, agus an tuarasdal a bhi aig fichead sent ’san uair. Sheas cuid dhe na meinneadairean ann an Springhill a mach air an t-seachdain s’a chaidh, ach tha iad roimhe so air a dhol air ais gu’n obair. Chaidh cléireach ann an stòr chun gaidh-leighis ann a Halifax a dh’ obair agus mheasgnaich e stuthan air son droch cnatan a bha air a leigheas; bha e aig an am cheudna a measgnachadh puinnsean air son cat a mharbhadh. Mar is minic a thachair, rinn e iomrall agus dh’ òl e fhein deoch a chait, agus fhuair an cat leigheas a chuatain. Tha ’n cléireach gu math tinn ach tha choltas air gu’n tig e bhuaithe. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Thug an t-seachdain so a chaidh seachad atharrachadh mor air a chuid so dhe’n t-saoghal. An latha a bhatar a deanamh suas a MHAC-TALLA mu dheireadh, bha ’n deigh air na h-acarsaidean agus bha ’n t-sìde gle ghreannach, fuar, ach an diugh tha ’n deigh air a dhol as an t-sealladh agus tha ’ghaoth air fàs blàth, cùbhradh air blas an t-samhraidh. Tha ’m bàt-aiseig a ruith eadar an da Shidni gu riaghailteach, agus tha soithichean a ghuail air tòiseachadh air taghall a phuirt cheana. A mach as a bhaile tha na tuathanaich air tòiseachadh air curachd, ’s tha na machraichean a sior fhàs uaine, na craobhan ’s na preasan a tighinn fo bhlàth ’s na h-eòin bheaga ’m measg nan geug a seinn ciùil ’s ag ullachadh nan nead. ’S mor an t-atharrachadh a bheir seachdain, no eadhon aon latha, mu’n cuairt. Tha a Phàrlamaid Bhreatunnach cruinn air a mhios so mar tha i cha mhor na h-uile mios dhe’n bhliadhna. Is bliadhnaichean trioblaideach iad so dhaibhsan aig am beil riaghladh na dùcha, moran na’s trioblaidiche na bhitheadh iad nan robh na fir-phàrlamaid uile deònach air an cuid fhein a dheanamh air an obair a chur air adhart. Ach an aite sin ’s ann a tha chuid mhor dhiubh air an doigh eile. Tha na h-Eirionnaich ag iarraidh Fein Riaghladh, agus cha’n eil iad deònach air ni sam bith eile ghabhail as laimh gus an deanar reachd a thaobh sin. Tha na Welshich ag iarraidh an Eaglais a bhi air a fuasgladh o’n Stàit, tha na h-Albannaich ag agairt an còirichean féin, agus na Sasunnaich air a mhodh cheudna; air chor ’s gu bheil uallach trom air a leagail air guaillibh a Phriomh Mhinisteir ’s a luchd-cuideachaidh. Tha iad an dràsda ’n deigh féin riaghladh na h-Eirinn a chur na thosd, agus tha iad ag oidhearpachadh air tomhas de fhéin riaghladh a thoirt a dh’ Alba, agus a toirt ionnsuidh mar an ceudna air an Eaglais Easbuigeach ann a Wales a dhi-stéidheachadh. Tha Morair Rosebery a lionadh caithir Ghladstone gu math, agus cha’n eil teagamh nach bi e na chomas iomadh reachd math a chur ri lagh na rioghachd mu’n cuirear a phàrlamaid ma sgaoil. Fhuair sinn na h-aireamhan dhe’n MHAC-TALLA a bha dhith oirnn, agus tha sinn fada, fada ’n comain nan daoin’-uaisle a chuir g’ ar n-ionnsuidh iad. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 318] [Vol. 2. No. 41. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. RAINIG sinn ’am beagan ùine calladh an Tairbeart agus bha mi ann an tiotadh a’ cur fàillte air càirdean na ceàrnaidh sin. Is gann a dh’ aithnich cuid dhiubh ni. Bha an t-Urr. Maighstir Mac Illeathain air a chladach ag amharc thairis air badhar mine a bha air a chur le càirdean ’s an taobh a deas air son cabhair do’n t-sluagh oir bha gainne mhòr ’s an dùthaich an uiridh. Is esan ministeir na h-Eaglais Shaoir air an Tairbeart. Innsidh mi tuilleadh mu ’n àite so fathasd. Dh’ fhag sinn an Tairbeart ann am beagan mhionaidean agus thog sinn rithe gu Rothadal Air an rathad chitheamaid beanntanan breachda na’m Bàgh ’s Ear. Cha shaoileadh coigreach gu’m biodh duine beò na lethid do dh’ àite agus gidheadh tha na ceudan theaghlaichean air an suidheachadh thall ’s a bhos air feadh na’n àiteachan so. O chionn corr is tri fichead bliadhna bha tuàth na dùthcha sin air am fògradh o thaobh an Iar na h-Earradh le aintighearnais an uachdarain agus an Stiùbhartaich mhòir a bha ’chòmhnaidh ’an Losgantair, agus chaidh an cur na ’m buidhnean an so ’s an sud air feadh gharbhlaichean agus bhoglaichean na ’m beàgh biodh iad beò na marbh. Na ’n deante a lethid do ghiollachd an diugh air drobh each no chruidh rachadh peanas miosan do phriosan a thoirt do fear na h-aniochd. Ach ’s na làithibh ud ’s ann a bha na lagh “A bhiasd a’s mogha ag itheadh na bèisde bu lugha agus am fear is treise biodh e ’n uachdar.” Chaidh mar so raointean briagha machrach Airdnisapost, Bordh Bheag agus Bordh Mhora thogail agus Fearainn Mhòr a (tacks) a dheanamh dhiubh. Is iomadh uair a chaidh mi troimh na h-àitean so agus a chuir e cianalas orm a bhi faicinn na’n togalaichean chlach làn fheanntag, agus na caoirich mhòra ’g ionaltradh air na raointean. Ach gu mo sgeul. Ràinig sinn Rothadal ’am beagan ùine agus chuir sinn air tir an sin beagan spreidhe agus triùir no cheathrar luchd siubhail. Is e àite boidheach a tha an so. Tha tigh aig Tighearna Dhunmhòir ann agus bithidh mòran do thaghal aig daoine mòra o’n deas air. Tha mar an céudna Eaglais chloiche ann agus cha ’n eil fios aig duine a tha beò co a thog no cuin a thogadh i. Tha i air chumadh na crois, agus tha mòran do dhealbhanan air an gearradh ’s a chloich ’an caochladh àitéan. Tha dùn mòr cloiche ceangailte rithe a bha air a thogail, gu’n teagamh, ’an lìnn na ’n creach oir tha e ri fhaicinn gu ’n robh muinntir an àite air son tigh math dian a bhi aca ’nuair a bha iad g’ a thogail. Is e a chuir iongnadh mor orm, ’nuair a bha mi a’ dol air feadh na ’n aitean iongantach so, fhaicinn gu’n robh mòran da mhairbh air an tiodhlacadh am broinn na h-eaglais. Na ceann shuas tha caibeal teaghlach Mhic Leoid agus ri taobhannan tha uaighean eile a reir caslais a bhuinneas do chàirdean an teaghlaich mheasail sin. Tha mòran chaibealan air taobh a muigh na h-Eaglais a bhuineadh do dh’ uaislean na h-Earradh. Sgriobh mi na’m leabhar pòca na briathran so a tha sgriobhte air aon do na clachan uaighe a tha ann an aon do na caibeil so. Air eadar theangachadh o’n bheurla. “Mar chuimhneachan air Domhnull Mac Leoid a Bearntraigh mac Iain Mhòir Mhic Leoid. Neach ann an tréine cuirp agus bho a dhluthleantainn ri prionnspalan aithrichean a bha ro choltach ris na fior dhaoine o shean. Bha a sheanair agus brathair a sheanar air an deanamh na ’n Ridirean le Righ Tearlach an Daramh air son an treubhantais agus ’an dilseachd chomhar-aichte. Ann am blàr Worcester ’nuair a bha bratach Tigh na ’n Stiubhartach, ris an robh e ann an ceangal inntinn, air a togail A. D. 1745, ged a bha e thairis air trèine a neart thog e airm agus ghabh e pàirt ann an strìthean an ama sin, agus ann an blar Falkirk chur e ri làr saighdeir marcach ann an ionnsuidh claidheamh. Bho’n am sin chaith e a latha aig a dhachaidh ’am Bearntraigh agus gradh agus neas aig na h-uile air. ’Nuair a bha e tri fichead bliadhna ’s a deich phòs e an treas bean bho an d’ fhuair e naoidhnear chloinne. Chaochail e air an t-seathamh la deug do’n mhios dheireanach 1783 air dha a bhi ceithir fichead bliadhna agus a deich. Bha a chlach chuimhne air a’ cur suas le Alasasdair Mac Leoid na h-Earradh.” (Ri leantuinn.) Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. Guth a “Baile-nam Mac.” Fhir mo Chridhe; Tha MAC-TALLA ’g am ruigheachd gach seachdain o chionn còrr us mios, mar a dh’ òrduich mi, agus tha mi an so a’ cur da dhollar g ad ionnsuidh, fear dhiubh uam fhin ’s am fear eile bho mo chairid Eòghan Mac Eòghain. Tha mi dearbh chinnteach gu’n toir am MAC-TALLA moran gu bhi eòlach air a Ghàilig sgriobhte; tha aireamh mhor ann a labhras Gailig ’s a thuigeas gu math i nach eil fhathast comasach air a leubhadh, agus ’s ann dhaibh sin a tha mi ’g radh a bheir am MAC-TALLA eòlas air cànain nan Gàidheal mar chainnt sgrìobhte. ’S e tha toirt orm a bhi dhe’n bharail sin gu bheil am MAC-TALLA ann an tomhas mor a cleachdadh “Galig conaltraidh;” tha anns gach aireamh dheth cùnntas athghearr air nithean a tha tachairt anns gach cearna dhe’n t-saoghal, agus air am bi sean us òg gle dheigheil air a bhi cluinntinn. Air mo shon fhèin ’s e ’n ni a’s tlachdmhoire a gheobh mi ann, na seann sgeulachdan a chuala mi aig na seann daoine o chionn iomadh iomadh latha ’s bliadhna. A ris tha ’m MAC-TALLA a taghal cho tric air a chàirdean ’s nach urrainn do neach a tha ’g a ghabhail gun a-leubhadh; tha e ghnàth ùr, Faodaidh leabhar a bhith cho math ’sa thogras e, ach an deigh sùil no dha a thoirt air, leigear air dichuimhn’ e: agus mar a’s bitheanta, tha moran fhacal ann an leabhraichean ’s ann am òrain Ghàilig nach eil Gaidheil an latha ’n diugh a cleachdadh idir, agus nach tuig iad nuair a bhithear ’g an cleachdadh le muinntir eile, agus tha fhios aig a h-uile neach gur docha leis beagan a thuigeas e ceart na moran nach tuig e ach am pàirt. Tha mi dhe’n bharail gur e tuilleadh ’sa choir dhe’n t-seorsa sgriobhaidh so ’nar leabhraichean Gàilig a tha ’cumail na h-uirid d’ ar co-luchd-dùcha cho fad air ais ann an leubhadh na cainnt mhàthrail, agus tha làn dhòchas agam gu’n dean am MAC-TALLA moran gu sin a leasachadh. Is mise, &c. DOMHNULL MAC DHIARMAID, M. D. Maxville, Ont. ’Sann aig D. J. Domhnullach a’s sraid Wentworth a tha ’m bathar air gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de hrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh. Leighsidh Minard’s Liniment Cair. [TD 319] [Vol. 2. No. 41. p. 7] Na Seann Laithean. Bu chiatach an saoghal a bha aig daoine ’s na seann làithean air a Ghàidhealtachd. Theagamh nach robh an t-airgiod ro phailte ni ’s mo no tha e an diugh féin, ach ged nach robh, bha pailteas do bhathar eile r’ a fhaotainn. Bha caoirich ann agus buar—seadh agus bainne gu leòir, le min choirce ’s eòrna gu saoibhir. Ma bha dream uireasbhuidheach ann, bha dòigh air cuideachadh leo, ’s cha rachadh lan dùirn mine a dhiùltadh do ’n diol-deirce aig nach robh fàrdach air a shon fein. ’Nuair a rachadh an ciobair do’n mhonadh bhiodh an gunna na achlais, le spor air a h-ùr bhreacadh, ’s nam faiceadh e an coileach ruadh no a mhaigheach aig asdar urchair, cha robh ach togail air a ghunna, ’s bhiodh an t-sithionn aige. Thigeadh an Samhradh, ’s rachadh daoine do’n àiridh leis an treud. Bu chùbhraidh am fraoch, ’s bu shòlasach an àile a thigeadh a nuas as na beanntan. Bhiodh ceileir aig a bhanaraich, ’s i a bleoghan nam bò. Tha cuimhne agam air feadhainn dhiubh a chuala mi o sheann dhaoine, ’s tha an ceòl agam cuideachd, ged nach uarainn dhomh an ceòl a sgriobhadh. So mar a bhiodh an rann— Gaol a chruidh, gràdh a chruidh, Gaol a chruidh mhealla mi; Gaol a chruidh chas fhionn duibh Cheann fhionn duibh bhalg fhionn. Dh’ fhalbh mi le gaol a chruidh, ’S lur na lur fhàgail; Dh’ fhalbh mi le gaol a chruidh, Cheann fhionn duibh, bhalg fhionn. Till an crodh, till an crodh, Till an crodh, Dhonnachaidh; Till an crodh, Dhonnachaidh duibh, ’S gheibh thu bean bhòidheach. Gheibh thu bean bhoidheach bheag, Gheibh thu bean bhòidheach; Till an crodh, Dhonnachaidh duibh, ’S gheibh thu bean bhòìdheach. Bha rann eile ann a bhiodh aca, mar so:— Tha mi sgith, ’s mi leam fhin Cul an tomaìn, buain na rainich; Tha mi sgith ’s mi leam fhin, Na h-uile latha a m’ onar. Cnl an tomain, beul an tomain, Cul an tomain bhòidhich; Cul an tomain, buain na rainich, Na h-uile latha a ’m ònar. ’S mar sin a sios. Tha daoine ann a nis a their nach ’eil ceòl ’sam bith nan leithidean sin. Ach ’s an a bheir iad am ’chuimhne-sa, na laithean Samhraidh a dh’fhalbh, agus a tha nis air dol as an t-sealladh a chaoidh. AILPEIN. Thuit cnap mor talmhainn ann an Amhainn St. Anne, faisg air baile St. Alban ann an Quebec, oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh agus chuir e stad gu buileach air sruth na h-aibhne. ’Nuair bha meall mor uisge air cruinneachadh, bhrùchd an t-uisge troimh na bha ’ga chumail air ais agus sguab e leis drochaid a bha air an amhainn aig baile St. Alban ged a bha i tri fichead troidh ’sa coig deug os ceann an uisge, agus bha ’n dùthaich mu’n cuairt air a cur fodha. An deigh sin rainig e drochaid eile aig St. Anne agus sguabadh air falbh i sin cuideachd. Bha seachd taighean air an cur leis an t-sruth agus aon teaghlach air am bàthadh. Bha mòran dhrochaidean beaga air an cur as a chéile, agus tha tri sgireachdan gun dòigh air faighinn annta no asda. Tha ’n call uile air a mheas aig ceithir ceud mile dollar. Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT amhach ghoirt. J. D. BOUTILIER. French Village, Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an crup. I. F. CUNNINGHAM. Cape Island. Tha fios agam gur e MINARD’S LINIMENT leigheas a’s fhearr a tha ann. JOSEPH A. SNOW. Norway, Me. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’s e cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’ aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 320] [Vol. 2. No. 41. p. 8] Cumha. Do ’n Onarach Gilleasbuig Mac Eallair, a chaochil ann am Baile-mor Hamilton, Ontario, air an aon-la-deug do dhara miosa na bliadhna 1894. Soraidh leat! a ghaisgich aosda a bu charaide ’n t’sluagh sin, Nach deach an ainm riamh le eas-onair, na le mi-chliu a thrualleadh. Cha chluinn sinne tuileadh ’nar talla do ghuth a bo toigh leinn, Nach deach riamh a thogail ach gu moladh a’s aoibhinn. Gu bràth leis an aoibhneas a ni na Gàidheil chur a’m folais, Nair fo gheasadh aig ceannard le mianach a’n solas, Sinne thug gu minig ard mholadh da’d chomas, Tuille cha mheal sinn do luach aig cuirm na aig coineamh. Ach ged a nis mar na laoich a bha a’n Allabinn o shean, Na n’ a righrin air tir Phalestine a choinich a sin, Tha do phearsa a bha oirdhearc a striochdadh s’a crionadh, Tha do spiorad an diugh, la miosnach ’gar lionadh. Ach gad dubhach tha sinne, air cruinneachadh ma ’n cuairt Air a chiste so, dh’ fheumeas a bhidh air a caradh s’ an uaigh; Bithidh ainm Mhic Eallair ’nar cridheachan air chuine, Gach bliadhna air ath-nuadhach mar ur fhraoch nam beann. Bha ghradh cho laidir ’s co buan do dhuthaich nam beann, Ris na monaidhean tha sealtain sios air Loch Long, ’S a chliu bi’dh maireann measg Shasanach a’s Ghaidhil, Gus a’n caochil duinalachd ’s an treig gaisge an t’ al. Coltach ris n’a laoich aig Oisein, ann an laithean oig, Chuir e an ruaig air gach namhaid bha dian air a thoir, Na shean aois mar each-cogaidh ma sgaol air an raon, Bu shunndach leis tilleadh gu cruaidh-chath na’n laoch. A’n Canada ni chlann nach do rugadh fhathast sgeul air, Mar chuir Mac Eallaìr neo-sgathach an ruaig air a namhaid, ’S iad sealbhachadh toradh an t-siol a chuir e le rath, ’S bheir a’m Mac-Talla ’s an freagairt d’ air n’ iolach “Gle Mhath.” Cho fad ’s ni Bhein Mhor a tha uasal suithe air a bunait, Sa chinnas fraoch air bruach na’n caochan tha nuas aiste sruthadh, Cho fad ’s a ni Canada mairain ’s onair aice na laimh, Bi ’dh ainm agus clin Mhic Eallair air chumal air chuine. UILLEAM MURRAY. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. Air dhaibh le cheile bhi calma ghabh iad greis ma seach aig a stiùr, agus, mar bha ’n dàn, thainig an t-àm aca-san an àm do’n t-soitheach bhi gabhal seachad air “Riarachadh Saoghalta,” agus air dhaibh deanamh direach air a shon chunnaic iad soitheach coltach ri “Sgeul a mhor aoibhneis”—leis gach seol ri crann; chaidh Criosduidh sios da sheomar a fagail àithn aig a Mhic ciamar a Stiuradh iad a Soitheach. Bha Tuigse mar an ceudna air a ghairm sios le Mhnaoidh, Crionachd, air dhi fas tinn. Dhirich Peadar—air an robh fadal Riarachadh Saoghalta fhaicinn an Crann mòr, a fagail Thomais na aonar aig a Stiur, agus air dha cheann bhi goirt, cha tug e mor shuim dha earail Athair. Ann am beagan uairean a dh’ ùine bha iad a dluthachadh ris an Eilean. Bha na maraichean subhach air dhaibh a cho-dhunadh gun d’ aithn criosduidh mar so, ach bha eagal air cuid eile gu robh olc dluth a laimh. Bha iad mar an ceudna dluthachadh air Saitheach eile. Chuir Eud-mhor failte oirre ni a chuir clisgeadh air criosduidh a thainig a nios le cheann ruisgte. “Ciod is ciall da so,” thubhairt e, a tionndadh gu cabhageach ri Tòmas ach cha do fhreagair esan diog. Thainig Tuigse mar an ceudna a nios, agus bha e dubhach, chaidh e dh’ ionnsuidh na h-ailm, agus dh’ fheith e ri orduchadh chriosduidh a bha aig an dearbh àm an ioma-chomhairle a thaobh ciod a dheanadh e. (Ri leantuinn.) ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 321] [Vol. 2. No. 42. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 12, 1894. No. 42. Facal bho ’n Chamus. “Moch ’s mi ’g èiridh ’maduinn chéitein, ’S druichd air feur nan lòintean; Bu shùnndach éibhinn càil gach creutair, ’Tigh’n le gleus a’ m frògaibh, Gu blaths na gréine ’b’ aghor èiridh, Suas air sgéith nam mòr-bheann; ’S e teachd o’n chuan gu dreachor, buaghach, Rioghail, uasal, òr-bhuidh.” Thainig an Samhradh. Is ioma h-aon aig am beil toileachadh ris. Tha eadhon na h-eòin bheaga fhéin a deanamh gàirdeachais agus a toirt ciùil duinn le mor-shòlas. Tha ’sneachda air falbh gu buileach mar am faodadh beagan a bhi ga fhalach fhèin ann an corra àit’ air feadh nan coillticheain. Tha na raointean, a chaidh fhagail lom, glas le reòdhadh nam miosan a dh’ fhalbh, a’ tarruinn orra trusgan uain’ an t-samhraidh; agus tha gach creutair beag is mor, sean is òg, a’ cur dreach a gheamhraidh agus aogasg an fhuachd air chul. Tha’n crodh ’s na caoirich a nise ’fàs car slaodach air tilleadh a dh’ ionnsaidh nan saibhlean; agus tha ’n tuathanach còir aig obair onaraich, chliùtich fhéin, a treabhadh an achaidh agus a’ cur an t-sìl. Theann an deigh mhor amach bho ’n chladach mu mheadhon April, agus ged tha i am fradharc, cha do chuir i mor dhragh oirnn o ’n uair sin. Chaidh beagan sgadain a’ ghlacaidh cho trath ris an 24 la de dh’ April, agus chaidh iasgach grinn a dheanamh latha no dha eile bhuaithe sin. Tha ’n trosg a nise air tighinn; agus ma bhios an t-side fabharrach, cha n-eil teagamh nach toir iasgairean tapaidh roinn as. Tha dùil aig na marsantan ris na saghaichean agus ris a’ bhata-toite a h-uile latha. Bithidh surd mor aig na daoine riutha-san a h-uile toiseach samhraidh, do bhrigh nach eil an t-each iarruinn a tighinn a tuath cho fada so fhathasd. MAISEAG. Am Maigh 6mh la, 1894. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Mathair-Ceile Pheadair. Bha duin’ ann roimhe so a chaidh aon samhradh air chuairt dh’a na Stàitean, a dh’ fhaicinn na bha ri fhaicinn ’sa chluinntinn na bha ri chluinntinn anns an dùthaich sin. Tachair dha bhi aon Di-Dòmhnaich ann am baile mor araidh nach leig sinn a leas ainmeachadh. Bha anns a’ bhaile air a’ cheart latha sin, searmonaiche àraidh a bha cosnadh deagh ainm dh’a fhéin agus a tarruinn moran sluaigh ’ga éisdeachd. Chuir an t-òganach air am bheil sinn a bruidhinn roimhe gu’n rachadh e ’ga éisdeachd air an latha so, oir bha e ri searmonachadh ann an té dh’ eaglaisean a bhaile aig deich uairean ’sa mhaduinn. Rinn e sin agus chual e òraid bhriagha air a liubhairt o na briathran, “Bha mathair-céile Pheadair na laidhe ’s i tinn le fiabhrus.” Chòrd na chual’ e ris cho math ’s gu’n do chuir e roimhe dhol a dh’-éisdeachd an duine cheudna a dh’ eaglais a bha ’n cearn eile dhe’n bhaile, ’s far an robh e gu bhi aig tri uairean feasgar. ’Nuair a rànaig e, de b’ iongataiche leis na fear na casaige thòiseachadh air labhairt a ris mu thinneas mathair-céile Pheadair; agus chual e ’n searmon ceudna, facal air an fhacal mar a chual’ e ’sa mhaduinn e. Cha robh e cha fior thoilichte leis air an turus so, ach cho-dhùin e gu’n rachadh e ’ga éisdeachd aig seachd uairean ann an eaglais eile ’san robh e gu bhi, an dòchas gu’n deanadh e searmon o cheann-teagaisg eile. Ach cha d’rinn; ghabh e mathair-céile Pheadair mar bhonn labhairt a rithist, agus mu’n do sguir e bha Domhnull gu math searbh dheth. An ath latha, bha Domhnull air bàt-aiseig a dol o’n bhaile sin gu baile beag a bha air taobh eile a bhàigh, agus co chunnaic e air bòrd ach an searmonaiche. Bha iad ’nan suidhe dlùth dha chéile, ach cha robh còmhradh sam bith eatorra; cha robh eòlas ac’ air a chéile. Ach beagan an deigh do’n bhàta gluasad air falbh o’n laimhrig, thòisich cluig a’ bhaile air bualadh. Air do’n t-searmonaiche shaoillsinn gu robh duin’ urramach éigin marbh, ’nuair a bha na cluig uile a bualadh, thionndaidh e ri Dòmhnull agus dh’fheòraich e co bha air caochladh? Fhreagair Domhnull e, “Gu dearbh, cha’n eil mi cinnteach co, ach ’si mo dheagh bharail gur h-i màthair-céile Pheadair. Bha i tinn le fiabhrus, agus bha fior choltas a bhàis oirre feasgar an raoir!” COMUNN NAN SGOILTEAN GAILIG.—Bha’n comunn feumail so air a chur air chois air tùs anns a bhliadhna 1811, agus shaothraich e riamh uaithe sin air son math na Gàidhealtachd le bhi cur air chois sgoiltean Gàilig anns am faigheadh an òigridh foghlum nan cainnt mhàthrail. Tha’n comunn a nis an deigh sgaoileadh, ’s cha’n ann idir a chionn nach deachaidh aca-san a bha nam buill dheth, air an obair a chuir iad rompa a dheanamh, ach a chionn gu bheil an obair air a criochnachadh. Tha Ghàilig a nis air a teagasg anns na sgoiltean cumanta, agus mar sin cha’n eil feum air a chomunn so na’s fhaide. Cha d’ rinn Gladstone ach aon òraid o’n leig e uaithe riaghladh Bhreatuinn, agus rinn e i sin ann an Lunnuinn air an t-seachdain s’a chaidh. Thug gach neach a bha ’s an éisdeachd fa-near gu robh e air fàs anabarrach sean na choltas o’n dh’ fhàg e ’phàrlamaid. Shaoileadh iad gu robh e àireamh bhliadhnaichean na bu shine. Tha e coltach gu robh ’n obair chruaidh ris an robh e air a chleachdadh, an àite bhi ’ga lagachadh, ’ga neartachadh, agus ’nuair a sguir e dh’ obair gu bheil e dol air ais. ’S minic a thachair e do dhuine a bha re a bheatha a saoithreachadh gu cruaidh, nuair a leig e dheth a bhi ’g obair, gu’n do sheachd e as an ùine ghoirid, agus tha h-uile dùil aig mòran gur ann mar sin a dh’ éireas do Ghlastone. Cisteachan, Màileidean, Cuipeachan, agus Carbadan Cloinne air ùr thighinn gu F. Falconer agus a Mhac. A bhùth Acuinn Each a’s fhearr air an eilean. [TD 322] [Vol. 2. No. 42. p. 2] TURUS DHOMHUILL BHAIN DO ’N EXHABITION. FACAL AIR AN FHACAL MAR A DH’ AITHRIS E DHOMHSA E AN LATHA ’THAINIG E DHACHAIDH. FHIR mo chridh, teann a nall, agus suidh ri m’ thaobh air a’ chnoc o’n a tha ’m feasgar cho briagha ’s cho blath, agus innsidh mi dhuit naigheachd nach cuala tu fhein, no duine a thainig air do dhaoine a eithid. Mar a tha fhios agad fhein, tha Seumas mo mhac ’n ghille-buthadh ann an Glasachu o chionn choig bliadhna; agus cha ’n ann a chionn gur e mo mhacsa e, ach is ainneamh gille og a tha cho glic ’s cho deanadach ris. Bha duil againn ris dhachaidh am bliadhna mar a b’abhaist; ach chur e fios dhachaidh nach tigeadh e idir o’n a bha toil aige na h-ioghnaidhean mora a bh’ anns an Exhabition fhaicinn. Anns an litir thuirt e mar so:—“Feumaidh sibhse, athair, tighinn a dh’ fhaicinn na h-Exabition uair-eiginn mu ’n duinear i; agus ma bhios mo mhathair chomas tighinn air an astar cha bhi mi toilichte mur tig i maille ribh. Cuiridh mi fhin airgiod ugaibh a phaigheas am faradh air bhur son ’nar dithis, agus a cheannaicheas aon deisealachd a bhios a dhith oirbh. Agus ma ’s math leibh aodach ur fhaotainn gheibh sibh e an uair a thig sibh. Tha fhios agam gu’n dean an t-aodach a th’ agaibh a’ chuis gus an ruig sibh mi fhin. Feumaidh an dara h-aon dhibh tighinn, mur urrainn sibh tighinn le cheile; oir tha toil agam gu faic sibh na h-ioghnaidhean mora a th’ againn anns a’ bhaile so am bliadhna. Cha robh a leithid riamh roimhe ann, agus tha mi creidsinn nach bi a leithid ann ri ’r latha-ne.” An uair a leugh mi ’n litir do ’n mhnaoi thuirt i—“Faodaidh tusa dhol do Ghlaschu ma thogras tu. Is mise an té nach bac thu; ach cha’n fhag mise an larach so ri m’ bheo. Foghnaidh leamsa na chi mi’ dh’ ioghnaidhean ann am baile Steornobhaigh, an corr uair a theid mi ann aig am nan orduighean. Gu cinnteach ceart tha ioghnaidhean ri ’m faicinn ann an coimeas ri mar a bha ’m baile an uair a bha mise ’nam chaileig.” “Ma ta Mhairi,” arsa mise, “cha ’n e sin a’s fhearr dhuit ach a bhith deanamh deiseil air son an turuis; oir tha fhios is cinnt agamsa gu’m bi Seumas anabarrach toilichte mi fhin ’s tu fhein fhaicinn ann an Glasachu. Tha fhios aige gur fheairrde sinn le cheile sgriob a thoirt do ’n bhaile mhor. Mar a thuirt e fhein an uiridh an uair a bha e aig an taigh, tha sinn mar gu’m biomaid fo bheul cleibh anns a’ chuil iomallaich so de ’n Ghaidhealtachd. Falbhadh no na falbhadh tusa, falbhaidh mise, air neo ’s e nach bi mi air chomas an taigh fhagail.” “Ach,” arsa Mairi rium fhin, “nach math a tha fios agad nach urrainn duinn an taigh fhagail le cheile? Feumaidh mise ma dh’ fhalbhas tusa an aire a thoirt air an da mhart ’s air a’ bheagan barra th’ againn. Agus rud eile dheth, ma dh’ fhalbhas mise comhladh riut theid mathas an da mhairt a dholaidh, agus cha bhi im no caise againn anns a’ gheamhradh. Is olc a thig thu fhein as aonais spiolag de ’n im ’s de ’n chaise leis a’ chupan ti.” Cha dubhairt mi ’n corr rithe. Dh’ aidich mi ann am inntinn gur ann aice fhein a bha ’chomhairle a b’fhearr. Nis, cha ’n ann a chionn gur i mo bheansa i, ach bha i riamh turail, toinnisgeil. Is iomadh latha ’bha feum agam gu’m b’ aithne dhi rud a dheanamh, agus rud a riaghladh. Tha sinn le cheile cho doigheil ri dithis a th’ anns an duthaich. Da uair ’s a’ bhliadhna tha cnapach math bocsa ’tighinn dhachaidh o Sheumas loma lan de na rudan a shaoileas e a tha feumail dhuinn. Tha eorna, is coirce, ’s buntata ’fas dhuinn fhin. Mar is trice theid mi fhin moch no anamoch a mach air cul a’ chleite leis a’ gheolaidh, agus gheibh mi na dh’ fhodhnas a dh’ iasg. Taing do Dhia, cha ’n ’eil éis sam bith oirnn eadar da cheann na bliadhna. Chaidh mi thar mo sgeoil a charaid. Rinn mi deas gu falbh aig an am a dh’ iarr Seumas orm. Ach feuch sibhse nach e sheall roimhe. Bha fhios aige gu robh Ban-righ Bhreatuinn gu tighinn a dh’fhaicinn na h-Exhabition, agus bha fhios aige mar an ceudna gu robh meas mòr agam fhin riamh air a’ Bhan-righ. Chuir e ’n dara fios ugam ag radh mi bhith cinnteach gu’m bithinn anu an Glasachu an latha bhiodh a’ Bhan-righ ann a chum gu faicinn aon sealladh dhi. Air feasgar Diluain dh’fhag mi ’n taigh air dhoigh ’s gu’m bithinn ann an Steornabhagh ann an am. An uair a rainig mi ’m baile bha Bata na Smuide aig an laimhrig, agus ghrad chaidh mi air bord. Bha mi sgith gn leor an deigh na coiseachd, oir bha togail do laimhe anns a’ mhaileid a bh’ agam an crochadh air a’ bhata ghlas air mo ghualainn. Mar a bha ’m fortan an dan dhomh ghrad chaidh sios fo rhum, agus thug am fleasgach speisealta, og, a thachair rium ann an seomar nan daoine uaisle, a’ mhaileid as mo laimh, agus chuir e ann an aite tearuinte i. An sin thuirt e rinm gu’m b’fhearr dhomh a dhol a laidhe. Chuir e fhein leaba bheag air doigh dhomh, agus chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an robh e naoi uairean ’s a’ mhaduinn. An uair a dh’ eirich mi bha ’m biadh air a’ bhord, ach ma bha b’ e sin am biadh a bh’ air a dheasachadh, ’s air a chur an ordugh gu snasail. Ghabh mi fhin na thainig rium dheth. Cha ’n ann a chionn mi fhin ’ga radh, ach cha bu gheocaire riamh mi. Ach gu cinnteach ceart bha da no trt de gheocairean air bord an latha ud. Shaoileadh tu direach gu’n itheadh iad na bha de bhiadh air bord a’ bhata leis a’ choltas a bh’ orra an uair a shuidh iad aig a’ bhord. Chuir iad a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s nach b’urrainn domh mo shuil a thogail dhiubh ach corr uair. Cha chluinneadh tu ach, “Stiubhart,” thall, agus, “Stiubhart,” a bhos aig na fir. Bha mi toilichte nach bu Ghaidheil iad. Bha sinn greis ann an t-Srtom mu ’n d’ thainig an t-each-iarruinn. Thachair duine coir rium a mhuinntir Inbhirnis a bh’ air a thurus dhachaidh as an Eilein Sgiathanach, agus thug sinn greis air comhradh ann an cainnt mhilis, bhlasda, nam beann. An uair a chualas sitrich an eich-iarruinn, thug a h-uile neach lamh air faighinn deas. Thoisich iad ri ruith a null ’s a nall feuch c’aite am faigheadh iad cuil anns an suidheadh iad. Thuirt mo charaid a Inbhirnis riumsa nach ruiginn a leas cabhag sam bith a bhith orm, agus gu faighinn aite maille ris fhein. Coma co dhiu, mu dheireadh thall fhuaradh aghaidh an eich-iarruinn a chur ri Inbhirnis. Agus gu cinnteach ceart, cha b’ e sin am furasda. Dheanadh e de phuthaill ’s de shianaill rud a bheireadh air d’ fhalt eiridh o d’ cheann. Falbhaidh e ’n coinneamh a chuil a cheart cho luath ’s a dh’ fhalbhas e ’n coinneamh ’aghaidh. Dh’ olc no dh’ [TD 323] [Vol. 2. No. 42. p. 3] eiginn gu’n d’fhuair iad chaidh aca mu dheireadh air toirt air stad anns a’ cheart bhad anns an robh toil aca, agus ann an da mhionaid cheangail iad cho math ri fichead carbad ris an earball aige. An uair a fhuair e cead falbh rinn e sitir ’s e ’n duil nach robh aige ach a chasan a thoirt as mar gu’m biodh fiadh. Ach a bhalaich ort, ’s gann a bheireadh e noideadh a ionad na’m bonn. Thuirt mi fhin ri m’ charaid gu robh eagal orm gu’n do cheangail iad tuilleadh ’s a’ choir ris an earball aige. Stad thusa ort tiotadh beag agus chi thu gu falbh e cho aigeannach ri searrach. Mar a thubhairt b’ fhior. Ann an coig mionaidean bha e cho luath ’s gu robh ’n cridhe air chrith agam a h-uile tiotadh gu rachadh e ’n coinneamh a chinn le creig. Bha duil agam gu faighinn uine ann an Inbhirnis gu dhol a dh’ amharc air caraid dhomh a tha fuireach anns a’ bhaile; ach bha ’m baile cho trang an latha ud le daoine a bha dol do Ghlaschu mar a bha mi fhin. Mur b’ e cuideachadh mo charaid bha mi air m’ fhagail an oidhche ud ann an Inbhirnis. Fhuair an duine coir dhomh cuil bheag anns an do shuidh mi. Bha mi anabarrach toilichte gu robh mi ann an cuideachd dhaoine air an robh coltas a’ mhodha, agus no h-uaisle. Gu cinnteach dhearbh iad gu robh iad mar sin mu ’n d’ rainig iad Glasachu. Eadar a h-uile rud a bha mi ’faicinn ’s a’ cluinntinn bha m’ inntinn air a togail air a leithid a dhoigh ’s nach robh guth air acras. Ach mu dheireadh thall bhuail e mi gu laidir. Bha fhios agam gu’n do chuir a’ bhean biadh anns a’ mhaileid airson an turuis; ach bha gne de naire orm teannadh ri itheadh bidh am fianuis na bha ’s an t-seomar maille rium. Mar gu’m buaileadh tu do dha bhois ri cheile, thoisich iad thall ’s a’ bhos ri lamh a thoirt air na maileidean a bh’aca, agus ri gabhail an dinneireach. Thog so mo chridhe, agus gu bhith anns an fhasan, ma b’ fhior, thug mi lamh air mo mhaileid fhein. Cha robh duine ’s an t-seomar bu choltaiche ri bhith ’na dhuine uasal na mise, fhad ’s a dheanadh deagh aodach, agus deagh mhaileid a’ chuis. Comhladh ris gach rud eile, chuir Seumas ugam maileid ris an canar anns a’ Bheurla, Gladstone bag. A bhalaich ort, nam faiceadh tu mi a’ toirt lamh air, ’s ’ga fhosgladh shaoileadh tu gur e fear baile a bh’ annam. An uair a dh’ fhosgail mi ’mhaileid bha ann an sin, air a phasgadh suas gu grinn, glan, ann am paipeir, aran, is ìm, is caise, agus placaid loma-lan de ’n stuth laidir. Ann am inntinn thuirt mi fhin—Mo luaidh ort fhein a Mhairi: bu tu fhein com na h-uaisle riamh. Is mi dh’ fhaodadh a radh gur mi fhuair an deagh bhean an latha fhuair mi thu. Bha fear roimhe ann a thuirt, “Is math an cocaire an t-acras; ’s mairg a ni tailceis air biadh; Fuarag eorn’ an sail mo bhroige, biadh a b’fhearr a fhuair mi riamh.” Tha so gle mhath; ach cha’n ’eil teagamh nach cuir deagh bhiadh saod agus sunnd air iomadh neach. Fada no goirid gu ’n d’ thug sinn air an rathad rainig sinn Glasachu mu dheireadh. Thug mi ’n aire gu robh carbad is carbad ’g an ceangal ri earbull an eich-iarruinn anns a’ h-uile aite an robh e stad air an rathad. An uair a raìnig sinn Glasachu bha deich thar fhichead de charbaid, air a’ chuid bu lugha an ceangal ris an earball aige. A mhic chridhe, an uair a stad e ’s a thoisich na daoine ri bruchdadh a mach as na carbaid, shaoileadh tu gu robh a h-uile duine a bha ’n Alba cruinn, cothrom comhladh, air a’ bhad. Bha ’n aon chabhag air a h-uile duine riamh. Ged a bhiodh toil agam seasamh far an robh mi cha b’ urrainn domh. Dh’ fhalbh mi an rathad a bha cach a’ falbh. An uair a rainig mi ’n t-sraid sheas mi, oir cha robh fhios agam gu robh Sheumas ’g am fheitheamh; ach bha ’n t-aite cho dumhail le sluagh ’s nach fhaiceadh e mi ged a bhiodh suilean air a h-uile taobh de ’cheann. Cha robh mi fada ’na m’ sheasamh aig oisinn na sraide an uair a thainig Seumas air mo chulaobh, ’s a thuirt e—“Bhur beatha do Ghlasachu, ’athair. Tha mi ro thoilichte bhur faicinn; ach c’arson nach d’ thainig mo mhathair eomhladh ruibh?” “Ma ta, laochain,” arsa mise, ’s mi breith gu teann air laimh air, “ma tha thusa toilichte mise fhaicinn, tha mise pailt cho toilichte thusa fhaicinn. Cha b’ urrainn do mhathair an taigh fhagail, agus ged a b’ urrainn, cha’n ’eil toil sam bith aice tighinn do’n bhaile so. Ach air an t-saoghal co as a thainig na bheil an so de shluagh? Cha chreid mi fhin nach ’eil a h-uile duine ann an Alba anns a’ bhaile so a nochd.” “Is fhurasda aithneachadh, athair,” arsa Seumas, “gur ann air ur thighinn do’ n bhaile mhor a tha sibhse. Cha ’n ’eil sinne ach a’ cur umhail gu bheil am baile ni ’s trainge na b’abhaist dha bhith.” Thug e mhaileid as mo laimh, agus chuir e staigh an carbad eireachdail ’s a dh’ fhoghnadh do Shir Seumas coir nach maireann, an latha b’fhearr a bha e riamh. Chuir e mi fhin a staigh roimhe, agus an uair a thuirt e facal no dha ris an oganach speisealta a bha na shuidhe air toiseach a’ charbaid, chaidh e steach comhladh rium, agus dhruid e’n dorus na dheigh. IAIN. (Ri leantuinn.) C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 324] [Vol. 2. No. 42. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 12, 1894. Tha Pàrlamaid Ontario air sgaoileadh, agus tha aig muinntir na mòr-roinne sin ri fir-phàrlamaid ùra thaghadh air an t-siathamh latha fichead de mhios meadhonach an t-samhraidh. Tha cuid de mhuinntir Chow Bay ag iarraidh ainm a bhaile sin a bhi air atharrachadh gu ainm eigin eile; ainm a bhios na’s fuaimniche ’s na’s bòidhche ri fhaicinn air paipear na’n t-ainm a th’ air an dràsda. Cha’n eil sinn féin a dol a ghabhail gnothuich sam bith ris a chùis, chan ann dhe’r gnothuch e, ach se ar barail gu bheilear ag atharrachadh tuilleadh ’sa chòir a dh’ ainmean àiteachan air an eilean so, agus gu’m beil làn am sgur dheth. Cha’n eil ainm math no dona ’na bhuanachd no na chall a dh’ àite ’sam bith, agus ’s co math am fàgail mar tha iad ri bhi ’g an atharrachadh. Tha armailt nan daoine diomhain aig Washington fhathast, agus tha choltas orra nach eil iad a dol a ’g a fhàgail air chabhaig. Tha iad air campachadh taobh a mach a bhaile ann àite bog, salach, àite nach bi fada ’togail plàigh dhaibh ma dh’fhanas iad ann. Tha iad a cur seachad an latha mar a’s fhearr a dh’ fhaodas iad, agus a laidhe re na h-oidhche air leapannan fodair. Tha iad gle ghann de bhiadh ’s a dh’aodach, agus tha iad a’ fulang moran. Ach tha na ceannardan a th’ orra gu ròiceil, ag itheadh a chuid a’s fhearr dhe’n bhiadh, ’s a cosg a chuid a’s fhearr dhe’n aodach. Tha moran dhe’n bharail nach eil iad ach a deanamh amadanan dhiubh-san a tha ’g an leantuinn, air son an criochan féineil féin. A’ GHAIDHEALTACHD. Bha ’n Reiseamaid Dhubh air an earrach ann an Glascho. Tha i ri dhol do Dhùneideann mu dheireadh a mhiosa so. Chaidh fear Iain Caimbeal a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Dun-Uilleam, Diluain an treas latha fichead a dh’ April. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois. Bha ’n t-Urr. Uillam Mac Fhionghain, a bha àireamh bhliadhnaichean na mhinistir ann an Gleann-Mhoireastain, air a phòsadh ris an Eaglais Shaoir ann an Gearrloch air an maodhamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. An deigh a phòsaidh bha dinneir mhor air a h-ullachadh anns an taigh-òsda, aig ’n do shuidh sia fichead. Thugadh spuan anns an robh da fhichead punnd do Mhr. Dingwall, a bha na cheann-suidhe air an t-seisean fhad sa bha ’n co-thional gun mhinisteir. Tha Diùc Phortland, aig a bheil oighreachd mhor fearainn air a Ghàidhealtachd a déiligeadh glé mhath ris na croitearan a tha air a chuid fearainn. Thug tuathanach mor fhearann suas o chionn ghoirid, agus an àite ’m fearann sin a thoirt do thuathanach mor eile ’s ann a roinn e e eadar na croitearan, a cur uiread us uiread ris gach croit. Thug e cuideachd suas a bhi ri tuathanachas e féin agus roinn e ’m fearann air na croitean beaga. Tha so calg-dhireach an aghaidh àbhaist nan uachdaran Gàidhealach. Oiche Di-dòmhnaich, an 22ra a dh’ April, bhrist teine mach ann an Inbhirnis, ann an taigh anns an robh fear Iain Ros a comhnuidh, agus mu’n d’ fhuaireadh casg a chur air bha e fhéin ’s a bhean ’sa phàisde air an droch losgadh. Cha robh a bhean ’s am pàisde beo ach beagan uairean, agus tha Mr. Ros e fein gle chunnartach. Cha do thachair ni cho cianail ann an baile Inbhirnis o chionn iomadh bliadhna. Bha Alasdair Friseal, tuathanach a mhuinntir Chul-fhodair air chuairt ann an Canada air an fhoghar ’sa chaidh; bha e air a chur ann leis an Riaghladh. Tha e ’g innseadh gu robh e an Killarney am Manitoba far am bheil deich teaghlaich fhichead de chroitéaran a thainig a mach a Leodhas ’s as na h-Earadh a dha bhliadhn’ an t-samhraidh so. Thug Riaghladh Bhreatuinn do gach ceann teaghlaich sia fichead punnd Sasunnach (£120) an iasad. Tha chuid as mò dhiubh gle mhath air an dòigh agus gle riaraichte le crannchur, ach cha d’ fhuair iad sgillinn dhe’n airgiod-iasaid a phàigheadh fhathast. Cha’n eil teagamh sam bith nach bi iad air an deagh chàradh an ceann beagan bhliadhnaichean. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Giliag. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 325] [Vol. 2. No. 42. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha beagan a dh’ fhuil an Eirionnaich ann an Sultan Morocco. O chionn còrr us ceud bliadhna bha nighean Eirionnach ’na mnaoidh aig an t-sultan bha ann an uair sin agus ’se sultan an latha ’n duigh a h-ogha no a h-iar-ogha. Tha Gilleasbuig Mac-a-Phiocair, a Catalone, ag innse dhuinn gu’n d’ fhuair e litir o chionn ghoirid o mhac dha a tha a seòladh air soitheach anns na cuaintean a deas. ’Nuair a sgriobh e bha e ’n ceann a deas Australia. Giulainidh an soitheach air a bheil e còig mile ’s sia ceud tunna de luchd. Chaidh a togail ann an Glascho, ’s cha’n eil mac màthar air bòrd aig nach eil làn a chinn dhe’n Ghàilig. Tha sinn duilich gu bheil againn ri innse mu bhàs Mairearad Nic Bheth, bean an t-Srorraim Buchannan. Bha i tinn o chionn treis a dh’ ùine, ach gus o chionn ghoirid, bha dùil ri i dhol na b’ fhearr. Ach déireadh na seachdain s’a chaidh thug na dotairean suas i, agus chaochail i’ sa mhaduinn Di-ciaduinn air an t-seachdain so. Bha i air a tiodlacadh anns a chladh air Hardwood Hill feasgar an dé. Bha dithis Eadailteach air an eur an greim ann am Grenfell, Manitoba air a gheamhradh s’a chaidh, agus an deigh dhaibh cùirt a sheasamh, thugadh a mach binn crochaidh orra. Bha iad ri bhi air an crochadh Dior-Daoin, ach chuir an Righladh Eadailteach tagaradh gu Riaghladh Chanada, ag guidhe tuilleadh rannsachaidh a dheanamh a thaobh an cionta, agus air sgàth an tagraidh sin, chaidh a chur seachad gu am eile. Thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air a chall a rinneadh leis an tuil aig St. Albans, ann an Quebec. Cha’n eil a chùis a dol dad na’s fhearr ach a sior dhol na’s miosa. Tha tuil mhor anns an amhainn agus tha na bruachan a sior thuiteam leis mar tha’n t-uisge air cladhach fòdhpa. Tha’n sluagh a’ gabhail eagail gu’m bi am baile gu h-iomlan air a sguabadh air falbh, agus tha iad a fàgail nan taighean ’sa toirt air falbh an cuid àirneis us imrich. ’Nuair a bha’n soitheach smùid St. Pierre a dol a mach a Cow Bay Di-màirt s’a chaidh, bhuail i ann an soitheach beag seòlaidh a bha air a turus gu Halifax le luchd guail. Bhuail i mu’n teis meadhon agus ann an sia mionaidean chaidh i fodha. ’S ann a mhuinntir Mhainadieu a bha i, ’s b’ e “Native” a b’ainm dhith. Tha ainm aig a chaiptean a bhi na dhuine faiciollach, agus tha e ’cur ioghnadh air cuid a leithid a thachairt. Fhuair an criù as gun chunnart, ach cha d’ fhuair iad a bheag sam bith dhe’n àirneis a thoirt leotha. Tha e air tighinn am folais gu bheil Humbert, righ na h-Eadailt air fas dona leis a chansair anns an sgòrnan aige. Tha ùine mhath o’n bha’n tinneas ag obrachadh air ach cha robh fhios aig duin air ach aige fhèin ’s aig na dotairean. ’Nuair a bhristeas banca ann an China, tha iad-san a bha ’ga chumail, na cléirich ’s gach fear gnothuich eile bha timchioll air ri bhi air am marbhadh, na cinn air an cur dhiubh ’s air air cur ’n an tòrr, còmhla ri leàbhraichean a bhanca. Cha do bhrist banc anns an dùthaich sin o chionn còrr us còig ceud bliadhna. Tha Madrid, ceann-bhaile na Spàinne an dràsd gun chrochadair, ach ma tha, cha’n fhada bhitheas. Tha da cheud da fhichead ’sa seachd deug ag iarraidh fastaidh, agus a h-uile duine riamh ag radh gur e fhein crochadair a’s fhearr ’s an dùthaich. Am measg chaich tha eòr us certhir fichead maighstir-sgoile agus ceithar fhear-lagha. Ghabh duin’ uasal ann an Lunnuinn tigh air mhàl air an t-samhradh s’a chaidh, agus rinn e cùmhnant ris an fhear leis ’m bu leis an tigh gu’m fàgadh e e anns a cheart shuidheachadh anns an d’ fhuair e e. Tha e nis a cur fios fad us farsuinn ag iarraidh dheargannan; tha fichead mile dhiubh a dhith air gus an tigh a chur ’san t-suidheachadh ’san d’ fhuair e e! Minard’s Liniment ’s gach aite. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 326] [Vol. 2. No. 42. p. 6] Am Piobaire Dall. Rugadh Iain Mac Aoidh, am piobaire dall ann an sgireachd Ghearr-loch anns a’ bhliadhna 1666. Bha e dall o rugadh e, agus bha a athair ’na dhuine dall cuideachd. Rugadh a athair “Ruairidh dall” ann an Duthaich Mhic Aoidh, agus bha e ’na phiobaire do cheithir cheannardan de Chlann Choinnich Ghearr-loch an deigh cheile. Fhuair Iain a chiad leasan-ciuil bho athair agus nuair a thàinig e gu math air aghaidh leis a’ phiob, chaidh e gu Oil-thaigh nam piobairean anns an Eilean Sgiathanach, fo churam Mhic Criomain. Bha aon fòghlumach deag anns an Oil-thaigh aig an àm sin, agus dh-fhàs Iain dall cho tapaidh air a’ phiob ’s gu’n d’ fhàg e na gillean eile fada air dheireadh ann an uine ghoirid. Thoisich Padruig Mac Criomain air fonn ùr; rinn e a’ chiad earrainn, ach cha b’ urrainn da an dara earrainn a dheanamh. Chur Iain dall crioch air agus rinn e cho math e ’s gu’n do dh-eirich an sean ràdh, “Chaidh am foghlumach os ceann Mhic Criomain.” Tha e air a ràdh gu’n robh Iain, agus gille eile a’ cluich an aon phuirt fear mu seach, agus Mac Criomain ag éisdeachd. Thuirt Mac Criomain ris a ’ghillé eile, “Carson nach cluich thu mar Iain dall?” “Mhuire!” ars an gille, “Dheanainn sin, mur robh mo mheòirian an deigh na sgaite.” Bha e a’ laimhseachadh na sgaite aig tràth bidhe, agus bha a mheòirian a leantainn ris an fheadan. Their piobairean eadhon gus an latha an diugh nuair a chluinneas iad droch phiobaireachd “Tha a mheòirean an deigh na sgaite.” Bha Iain seachd bliadhnachan fo churam Mhic Criomain, agus an deigh sin chaidh e air ’àis gus a sgireachd fein far do ghabh e an t-aite bha aig athair mar phiobaire do Mhac Coinnich, Ghearr-loch. Am feadh a bha e maille ris an teaghlach eireachdail sin rinn e ceithir Piobaireachd air fhichead, agus mòran ciuil-dannsadh, agus caismeachd; is mòr am beud gu’n deachaidh a’ chuid a’s mò dhiubh air chall. Ach tha aon diubh nach bi air a di-chuimhneachadh gu bràth cho fada ’us a bhitheas piobaire air thalamh, is i sin “Cumha Phàdruig Oig Mhic Criomain.” Tha a’ Phiobaireachd sin bhriagh, cheòlmhor agus tha i gle dhuilich a cluich. Is i beachd na muinntir a tha comasach air breith a thoirt, nach eil Piobaireachd eile a dh-fhaodas a bha air a coimeas rithe. Mar gu ’m b’ ann gu deanamh suas airson a dhoille bha a chlaisteachd air leth math. Tha e air a ràdh gu’n robh e ann an taigh duine-uasail far an robh Padruig Og Mac Criomain agus piobaire eile. Cha robh fios aig Iain dall gu’n robh Padruig Og an lathair. Thuirt an duine-uasal ris gu ’m bu toigh leis a bharail fhaotainn air a’ phiobaire aige. Thuirt Iain an ’m bitheadh e toilichte sin a thoirt da, agus an deigh dha a chluinntinn, thuirt an duine-uasal gu’n robh piobaire eile aige agus dh’ iarr e air Mac Criomain cluich gun fhios a bhi aig Iain co a bha ann, ach an deigh do Phadruig Og cluich thuirt Iain “Cha’n urrainn duibh mise a mhealladh, is e sin Padruig Og Mac Criomain, dh’ aithnichinn a chluich am measg Piobairean Albainn gu leir. Tha mo chlaisteachd agam géd a tha mi gun fhradharc.” Bha Iain ’na bhàrd cuideachd, agus ainmeil ’na linn fein. Nuair a dh’eug dara mac Mhorair Mac Aoidh rinn e an dan a rinn ainmeil mar Bhàrd e, is e sin “Cumha Choire an Easain.” Tha Coire an Easain air an rathad gu Loch mòr Stac aig bhaighe Srath-mhoir. Tha cuid de na bhardachd a rinn e air a chlodh-bhualadh ann an “Sar obair nam Bàrd Gaidhealach,” agus da no tri ann an leabhar Uilleam Rois. Phòs e nuair a bha e sean, agus bha mac agus nighean aige. B’i an nighean màthair Uilleam Rois, am bàrd. Dh-eug Iain dall anns a’ bhliadhna 1754 agus chaidh adhlachadh ann an uaigh ’athar, Ruairidh dall, ann an cill Ghearr-loch. Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor. Leighsidh Minard’s Liniment Carr. Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT amhach ghoirt. J. D. BOUTILIER. French Village, Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an crup. I. F. CUNNINGHAM. Cape Island. Tha fios agam gur e MINARD’S LINIMENT leigheas a’s fhearr a tha ann. JOSEPH A. SNOW. Norway, Me. Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 327] [Vol. 2. No. 42. p. 7] Mearlach nam Bord. Tharruing Uilleam Mac Isaic anns a Phòn Mhòr, fiodh as a choille o chionn ghorid gus bùird a dheanamh dheth, agus o nach robh muillean gle fhaisg air laimh chaidh e féin a dh’ obair le sàbh-mor agus rinn e bùird dhiubh e fein. An deigh gach dragh us saothair a fhuair e ’nan ceann, thàinig fear fad-lamhach air choir eigin air feadh na h-oidhche agus sguab e leis a h-uile gin dhiu. ’S e so a dh’ aobharaich an t-oran. AIR FONN “AIR MADUINN CHIUIN CHEITEIN.” Tha duine ’san àite s’, ’S e mo nàbuidh a th’ ann; Rinn giuthas a shàbhadh ’S chur an àite gur mheang, An ceann beagan de làithean Ann an tràtha na h-oidhch’, Dh’ fhalbh na bùird o na bhà-thigh, ’S gur e meairleach a bh’ ann. Ge’r bith co rinn an gniomh ud ’No dh’ fheuch ris a chàs, Bho’n bha ’n giuthas cho miadhail ’S nach do thiaruinn o d’ làimh, ’S olc an t-àit théid do phianadh O nach do chriochnich thu ’n aithn’, ’S gu bheil m’ obair-sa diomhain A bhi dianamh an dàin. ’Nuair théid mi ’ga innseadh ’S i ’n fhirinn a’s fhearr, Cha deach e air mhiltean ’G a ghiulain air laimh. ’Nuair thig latha na crìche, Mar tha cinuteach san dàn, Bidh fios aig Naomh Micheal Co dhìtear ’sa chàs. Mar bha ’n t-Ostal ag ràitinn ’Sa dhearbh e bhi fior, Guin biodh meairlich gu bràth ann Fhad ’sa bhiodh tràghadh us lion’, Mur dean aithreachas tràth dhuibh Ur tearnadh o phian, Theid ur tilgeadh do’n àmhuinn ’S cha bhi ur nabachd aig Dia. Gun deid mi ’ga ràitinn ’S chan àicheidh mi féin, Bha ’n bòrd air a shàbhadh ’S e ’n càradh ri chéil, Mar bhiodh innleachdan Shàtain Chuir am meirleach air ghleus, ’Sa bhrist air na fàintean A shlànuich Mac Dé. ’S beag an t-ioghnadh an t-aite Gun fhas a bhi ann, Ged dhubhadh am barr ’S ged bhiodh fàilinn ’sa bhonn; Mar tha daoine ’san àite so An tràth ’s ris an fhoill, Mar dean cumhachd an ard-righ, Gum bi fàilinn sa chloinn. Cha dean teagasg na h-Eaglais, No Easbuig no Pàp, An car tha san t-sean-mhaide Cha dhealaich gu tràth; Ge be co rinn an gniomh ud Bidh e siapach gu bràth, Gus an deid e fo’n fhòd Mar th’ air òrduchadh dha. ’S mor an sgainneal do’n àite Leithid a dh’ fhàs a bhi ann A dheanadh a mheairle Cho gabhaihh ’sa rinn. Am bòrd a bha sabhte Gun fhàilinn gun mheang Chaidh a sguabhadh o’n bhàthaich Ann an tratha na h-oidhch. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. Dh’ uilleanaich Peadar slighe dha féin troimh an dòmhlachd sluaigh agus bha e air a mholadh mar dhuine adhartach. Bha Tòmas a feitheamh air son fosglaidh agus chaidh leis gun mor dhragh. Lean Criosduidh iad ag radh ris féin gu feumadh e a mhic a shàbhaladh; ach chum e sùil air an iomhaigh òir, agus bha fadal air chum an duais a ghlacadh, gus an d’ rinn aon Seòlta camacag a chur air, agus thuit e dlùth do Faiceall. Am feadh bha e na shìneadh air an làr spùinn Seòltachd a phòcaidean agus mheasadh e na dhuine tapaidh. Bha iadsan a bha os a cheann a fochaid air Criosduidh, mar dhuine air bheag eòlais air an t-saoghal. Dh’ fhosgail an tuiteam a shùilean, agus a thaobh nach b’urrainn da ruigheachd dh’ ionnsuidh na h-iomhaigh òir chunnaic e oirre cùl-sgriobhadh Mhamoin. Phill a smuaintean dh’ ionnsuidh Sgeul a Mhor Aoibhneis agus bha e duilich gu’n d’ fhàg e riabh i. Bha e leòinte na cheann, air chor gu robh e losgadh mar theine; bha chridhe tioram agus air seargadh mar am feur; bha earradh air a shalachadh agus srachte, agus ’s gann a dh-aithnicheadh a chéile phòsda gu’m b’ e fear feìn a bh’ ann. Tha e duilich a ghnà ciod a dh-fhaodadh eiridh dha, ach air do Thuigse, a bha coiseachd aig oir a chomhlain, a shùilean làn deoir a labhairt ris féin, “se gaol an airigid faermh gach uilc” ghlaodh e, “O dhuine le Dia, seachain na nithibh sin.” Phut e a thaobh mar an ceudna iadsan a shaltair air criosduidh, agus thog e air a chasan e. Measg an dream a rinn olc dha criosduidh b’ iad so Cridhe-Uaibhreach, Tur-Aineolach E-as-a-Cheìll, maille ri ceathrar dhluth chàirdean, Droch-inntinn, Fear-ana-Cainnt, Comhstri, agus Farmadach. Bha iad nan deagh mharaichean ach air dhaibh dol air seachran o’n chreidimh dh’atharraich iad an ainmean, agus thug iad suas gach smaoin sholeimte mu thimchioll an liahgoas-t nuaidh. Shlaod Tuigse Criosduidh ’na dheigh ionann agus leth mharbh, a caoidh na imeachd, “Pheacaich mi.” (Ri leantuinn.) COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 328] [Vol. 2. No. 42. p. 8] Comhradh eadar Peigi agus an Clamhan. AIR FONN, “MOR A CHALUM,” ETC. Feasgar dhomh ’s mi deanamh tì, Thug mi sgriob a null do’n t-sabhul, Chunnàic mi clamhan a bha mor ’Na shuidhe air còrnair an scafail; ’Nuair a dhùin mi air a chòmhla, Chaidh an t-ian gu mòr na chabhaig Thuirt mi ris, “mur d’ rinn thu eucoir, Cha tig lochd no beud ad charamh.” AN CLAMHAN. Cha d’ rinn mise ni bu léir dhomh Nach robh a reir lagh nan clamhan; Rinn mo mhuinntir an sliochd àrach Le làmh-laidir anns gach fearann. Air son sin na cuir gu bàs mi Faic an sluagh a ghnàth a cleachdadh Toirt le neart an cuid bho ’n càirdean Ged a dhiante ’m fàgail falamh. ’S ann aig bruachan Loch-Mhic-Aidh, A’n nead àrd am bàrr nan crannaibh, A thog mo mhàthair sinn le gaol ’Si tarruinn le saòthair dhachaidh Na’m biasdan libhurn donn Na gob cronn ’s gan cumail daingean; ’S tric fo sgiathan ghabh sinn tàmh Is i g’ar dion le blàths as fasgadh. Mu’n do dh’ àraichiadh go feum sinn, Thàinig iomadh beud n’ ar caramh Ann an nead, gun chomas sgiathaidh, Eadar a’ ghrian is an talamh; Leag Domhull Iain Bhain a chraobh, Chuir sud sgaoileadh anns’ an dachaidh, Tha sinn a nis feadh an t-saoghail, Gu tric gun bhiadh ’s ar caolain falamh. ’S ann am pastur Aonghais Bhàin A bha mi ’n gàbhadh mor ’san cabhaig; Theirinn mi bho speur gu làr Is laigh mi lamh ri làir a chlachair; Thainig Seònaid stigh na phàirc ’S an cu bàn ri ’sail ga leanailt, Leum e orm mun d’fhuair mi sgiathadh Dh fhag sud m’ earbul ciar na chlaisean. ’N am be pairt dhe’m nadar àbhachd, ’S iomn gàire a thigeadh asam, Bha mi oiche ’n Lag-nam-bòchdan ’S chuir mi eagal mòr air Lachuin, E g’ imeachd ’sa lamh na phòca Piob na dhòrn gun phioc tomaca, A sealltainn mun cuairt da gun tàmh ’S e cumail taobh àrd an rathaid. ’Nuair a rainige chraobh bhàn Aig iochdar pàirceannan Ailein, Bhrist e mhiar a bha fo’m shàil-sa, ’S thainig mi le stràchd go talamh. Sgaoil mi mo sgiathan gu luath Rinn iad fuaim a measg na meangan; Chaill e ’n ad a bh’ air a ghruaig Leis cho luath ’sa thàrr e dhachaidh. Dhinnis e mar chuala e ’m bòchan,— “An toiseach, thòisich e ri gearaìn Eadar na speuran ’san làr A fas làidir ’sa tigh’n faisge air, Mar fhùaim tuile a sior dhòrtadh A ruith na torleum leìs na glacan No mar fhamhair a dol gu bàs A nualanaich, ’s an spairn ’s ri osnaich. ’S ioma àite an robh mi riamh ’S tric a sgiath mi ’n cois a chladaich; Thug mi cearcem bho Fhionn Padric, Bha ’san stupul ’san robh stallan; Mharbh mi coileach air a bhàrd A sheas gu dàn’ a geard nan cearcan, Chuir e spuir chrom nam chliathaich, Is rinn i stialladh air mo chraicion. Chaidh mi oiche sios gu tuath Dh’ aite Raoghuil Ruaidh le cabhaig. Chuala mi n’ fhiodhal ri fuaim ’S moran sluaigh a stigh ri caithream; Thug mi eirag leam gun truas A thug sgriach bha cruaidh nam ghlachaibh, A’s chluinnean fuaim da chois an fhidhleir An uair a bha mi mile air astar. Dh’ ich mi feasd, as feasd gu leòir Do dh’ iseinean òg aig Ailein, Thug mi tunnag bho Iain Bòidheach ’Nuair a bha e beò san fhearann. Nis, ma tha do dhùil ri tròcair Seall i dhomhs agus leig as mi, Cha sheas mi gu brach fo d’ chòmhaìr Cho fhad ’sa bhios mi beo air talamh. PEIGI. Ma se sin na rinn thu dh’ eucoir ’S mise ’n te nach dian cuir as dhut; Gun d’ thug Dia do’n h-uile creutair A sheol fhein gu deanamh arain; Tog do shiùil a nis as fàg mi ’S na bean gu brach ri mo chuid cearcan Cha chuir mise lamh nad’ bhas-sa, A Righ nan gràs gur mor a ghabhainn. AN CLAMHAN. An cuimhneach leatsa a chearc dhonn A thug air lom a linn ’san earrach, ’S tu ga biathadh as do làimh I durugail gun tàmh as gart oirre? A bheil ann peacadh so ni’s gràinte Air son e bhi làmh ri t-aitreabh, Tha mi g’ aideachadh ad làthair Gur ioma tràth dhe h-àl a bh’ agam. ’Nuair a chuala Peigi an sgeul so, Cha do dh’èisd i ris ni b’fhaide, Rug i air gu teann mun sgòrnan ’S bhruth i h-òrdagan na amhuich, Cha robh an t-ian na thàmh ’sa chomhtri Bha dha spoig ri stròiceadh narail Spion i amhach as a friamhach Chuir sud crioch air ian nan clamhan. Thuirt Eoghan Mac Aonghais an aidh ’Nuair chuala e sgeul mar thachair, “Mile beannachd aig an làimh A rinn cho dàicheil a thachdadh. ’S mòr an t-sith a bhios ’san àite ’O na bhàsacih am plàigh-chearc ud Cha sgiuth e tuilleadh am pairc A cnr eagal am bàis air cearcan,” CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 329] [Vol. 2. No. 43. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 19, 1894. No. 43. Litir as a’ Ghaidhealtachd. FHIR MO CHRIDHE,—Tha car de nàire oirnn a bhith ’g innseadh cho beag ’s a tha de mheas aig Gaidheil Alba air a’ Ghàilig, ach is gann is urrainn sinn cainnt a chur air an dragh inntinn a tha’ air cuid de na fìor Ghaidheil, a chionn gu bheil an àireamh a’s mò de na ministearan a’ deanamh tàir air a’ chainnt anns an bheil iad a searmonachadh a h-uile Didònaich. Cho fad ’s is fiosrach sinn, cha ’n ’eil na sagairt dad ni ’s measaile air a’ Ghàilig na na ministearan. Cha bu choir do ’n chùis a bhith mar so idir. Cha ’n ’eil obair anns an t-saoghal cho cudthromach, cho urramach, agus cho measail ris an obair a tha ’n carbsa ris a’ chléir, agus o ’n is i ’Ghailig a’ chainnt leis am bheil a’ chléir Ghàidhealach a’ feuchainn ri bhith ’cur an gnìomh na h-obrach a ghabh iad os làimh, tha e iomchuidh agus ceart gu ’m biodh iad comasach air a’ Ghàilig a sgrìobhadh, a leughadh, agus a labhairt gu coimhlionta. Ach mo nàire, cha ’n am mar so a tha. Is e duan gach fir, ach fear ainneamh, “Cha ’n urrainn mise Gàilig a sgriobhadh.” Cha ’n ’eil leabhar Gàilig ’na mo thaigh ach Biobull no tha.” “Is ainneamh leam facal Gailig a leughadh ach na leughas mi a h-uile Didonaich ’san eaglais.” “Cha do sheall mi riamh ann an gràmar Gàilig.” “Cha ’n aithne dhomh Gàilig a litreachadh,” agus mar sin sìos. Tha làn àm aig eaglaiseam na h-Alba na cùisean so a chur air bonn ceart. Ciod am meas a bhiodh aig daoine air pears’-eaglais ann am measg na Gall a theireadh nach b’ aithne dha Beurla a sgrìobhadh no ’leughadh no ’labhairt? Cha’n fhaigheadh e ach fìor bheagan a rachadh g’a éisdeachd. Feumaidh gach sagart a bhith ’na dheadh sgoilear Laidinn mu ’m bi e comasach air a dhleasdanas a ehoimhlionadh, do bhrigh gu feum pàirt de’n t-seirbhis ri bhith ann an Laidinn. Agus feumaidh gach ministear a bhith ’na dheadh sgoilear Beurla, do bhrigh gu bheil aige ri seirbhis a dheanamh ann am Beurla. C’ar son ma ta nach biodh gach sagart agus ministear comasach air a Ghàilig a sgrìobhadh, a leughadh, agus a’ labhairt cho math ’s a ghabhadh deanamh; Ann an Colaiste Mhaynooth an Eirinn tha taghadh is raghadh an fhir-theagaisg aig am bheil e mar a dhreuchd Gailig a theagasg do na daoine oga a tha ’g ionnsachadh a bhith ’nan sagairt. Bu choir gu ’m biodh fear-teagaisg de ’n t-seorsa so anns gach Colaiste anns am bheil Gàidheil oga ag ionnsachadh a bhith ’nam ministearan. Is gnothach nàrach da rìreadh, gu’m biodh teachdairean an t-soisgeil aineolach ann au tomhas beag no mor air a’ chainnt anns an bheil iad a’ labhairt ris an t-sluagh. F. O. S. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Cha ’n ’eil duine beo aig am bheil cuimhne air side cho fiadhaich fhaicinn ’s a bh’ againn anns a’ Ghaidhealtach ré a’ gheamhradh agus carrann mhor de ’n earrach so ’chaidh. Anns a’ mhios mu dheireadh de ’n fhoghar thoisich stoirmeannan is uisge, agus is gann a bha latha ciùin no tioram ann gus an deachaidh an Fheill Padraig seachad. Mar bu trice b’ ann o’n deas agus o’n iar-dheas a bha ’ghaoth fad na h-ùine. Fad nan sia miosan so is gann a chunnaic sinn de shneachda tioram aig aon àm na chomhdaicheadh an talamh. Neo-ar-thàing nach robh pailteas de fhlithneadh ann. Tha ’m flithneadh na shneachda tioram air mullach nam beann àrda, agus tha ’n sneachda a shil air mullach nam beann a’s àirde gun aiteamh fhathast. Tha duine uasal anns an Eilean Sgiathanach a tha cumail cunntas le glaine thomhais (rain guage) air na bheil a’ sileadh de dh’ uisge anns an eilean fad na bliadhna, agus tha e ag innseadh dhuinn gu’u do thuit coig troidhean agus dà oirleach fad na bliadhna an uìridh (1893.) Chuir e suas cudthrom na bha so de dh’ uisge, agus tha e ag ràdh gu ’n deanadh e sia mìle tunna mu choinneamh a h-uile acaire fearainn a th’ anns an Eilean Sgiathanach. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged nach cinneadh moran barra air fearann sam bith air am bheil uiread so de dh’ uisge a’ sileadh gach bliadhna. Tha brigh an fhearainn agus an ùir a’s fhearr air an nigheadh as, agus tha iad a’ ruith leis na cnoic do’n mhur. Bha’n t-uisge agus na stoirmeannan a’ cheart cho trom agus cho tric anns gach cearn eile de’n Ghaidhealtachd. Ma bha’n t-side fliuch, fuar, fiadhaich o dheireadh an fhoghair gu Feill Padraig, bha i neo-chumanta briagha, blàth o Fheill Padraig gus a so. Mur b’e gu’n d’thàinig an t-side bhriagha bhlàth so is gann a bhiodh beathach beo an diugh ’san dùthaich. Aig fior thoiseach a’ gheamhraidh b’ fheudar toiseachadh ri fodradh na spréidhe, agus mu’n d’ thàinig leith an earraich b’ ainneamh iodhlann anns an robh cruach arbhair ri fhaicinn. O’n a bha biadh sprèidhe gann agus an t-side gu math, thoisich daoine ri obair an earraich ni bu tràithe na b’ àbhaist dhaibh. Tha ’chuid a’s mo de ’n churachd deas mar tha. Cha bhi ach gann iomaire gun chur ’san dùthaich aig an t-seana Bhealltuinn. O’n a tha ’n tiormachd againn a nis o chionn shia sheachduinean bu mhiann le daoine latha no dha de dh’ uisge trom fhaotainn. Lath Bealltuinn Ur. 1894. Tha Feill Ioghnaidhean (Exhibition) gu bhith anns an Fhraing o chionn shia Bliadhna. Tha iad air tòiseachadh ri deanamh deas air a son mar tha. Tha aodach briagha, annasach aca ’g a fhigheadh ris an abrar tapestri, agus cha’n urrainn am figheadair a’s fhearr air an t-saoghal barrachd air aon slat fhigheadh dheth fad bliadhna. Cha bhi aig gach figheadair ach sia slatan deiseil dheth an uair a thòisichlas an Fheill o chionn shia bliadhna. Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor. [TD 330] [Vol. 2. No. 43. p. 2] TURUS DHOMHUILL BHAIN DO ’N EXHABITION. FACAL AIR AN FHACAL MAR A DH’ AITHRIS E DHOMHSA E AN LATHA ’THAINIG E DHACHAIDH. (Air a leantuinn.) FADA no goirid gu robh sinn air an rathad rainig sinn an a taigh anns an robh Seumas a’ fuireach. Bha e suas ri deich uairean ’s an oidhche. B’ e sin an taigh; bha e h-uile troidh cho àrd ris a’ chaisteal. Ciod a th’ agam air ach gu’n d’fhas mo chasan sgìth mu’n do dhìrich mi na tri staidhreachan. A bhalach ort, an uair a chaidh mi steach do ’n t-seòmar bha ann an sin bòrd cho eireachdail ’s a chunnaic duine riamh air a lionadh le biadh is annlunn, direach mar is minic a chunnaic mi aig na seana mhnathan còire an latha bhiodh iad a’ buain na mòine, no an uair a thigeadh coigreach thun an taighe. B’ ann as a’ Ghàidhealtachd a dh’ fhalbh bean an taighe, agus tha e coltach gu robh i anabarrach caoimhneil ri Seumas. O ’n a bha fhios aice gu robh mise a cheart cho Gàidhealach ri fàd mòine chuir i am bòrd an òrdugh anns an dòigh ghairbh Ghàidhealaich. Bha i cho cridheil ’s cho caoimhneil rium ’s ged a bhiodh i eòlach orm o rugadh i. Cha robh mi coig mionaidean ’s an t-seomar an uair a thainig i steach agus botul air sgòrnan ’na laimh, agus thug i dhomh loma lan na glaine de stuth cho math ’s a dh’ òl mi riamh. Tha mi ’g radh ruit gu ’n d’ rinn e feum anabarrach dhomh. Eadar straidhlich an eich-iaruinn, agus glaodhaich is capraid an t-sluaigh a bha tachairt oirnn aig a h-uile ceann uidhe aig an robh sinn a’ stad, cha mhor nach deach mo cheann troimhe-a-chèile. Ach chuir an dram stòldachadh air mo cheann agus saod air m’ inntinn aig an am. Cha do bhlais Seumas air deur de ’n stuth làidir o chionn choig bliadhna, agus gu cinnteach tha mi fhin ro thoilichte dheth air a shon so. Cha ’n e h-uile fear do ’m bheil e sàbhailte a bhith idir ’g a bhlasad anns a’ bhaile mhor. An deigh dhuinn ar suipeir a ghabhail gu math ’s gu ro mhath shuidh sinn greis mhath anns an t-seòmar a’ comhradh mu chaochladh nithean. Mu dheireadh chaidh sinn a laidhe. Chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an robh e dlùth air naoi uairean ’s a’ mhaduinn. Bha ’m biadh air a’ bhòrd, agus shuidh sinn aige. Cha bu luaithe a bha sinn deas na ghrad dh’fhalbh sinn a dh’fhaicinn na Banrigh. Tha ’bhuth anns am bheil Seumas ag obair air aon de na sràidean troimh ’n deach a’ Bhan-righ, agus ghleidheadh àite dhòmhsa ann an aon de na h-uinneagan far am faicinn sealladh. An dràsta ’s a rithist, an uair a chiteadh fear de na marcaichean a bha cumail an t-sluaigh o bhristeadh a mach troimh ’n challaid a chuireadh suas air gach taobh de ’n t-sràid, a’ tighinn mar gu’m biodh e fhéin ’s an t-each air a’ chuthach, leigeadh a’ ghràisg a leithid de ghlaodh asda ’s gu saoileadh neach gu leagadh iad am baile m’ a cheann. ’S ann is breagha leamsa nach do bhòdhradh earann de na bh’ anns an éisdeachd. Mu dheireadh thòisich glaodhaich is bualadh bhas nach cuala duine riamh anns an t-saoghal a leithid. Tha mi cinnteach nach d’ rinneadh a leth uibhir de ghlaodhaich an latha ’thuit ballachan Iericho. An sin nochd marcaichean nach fhaca mise no duine eile riamh an leithid. Bha ceann-aodaich orra a chuireadh ioghnadh ort. Na’m bheachdsa cha bu cheann-aodaich bhreagha iad idir. Ach tha e coltach gu’m b’e sid am fasan. Obh! obh! ach an gaol a th’aig muinntir a’ bhaile mhòir fhèin air a bhith anns an fhasan. Ach ’s e chuir a bhile ris a’ chuis na marcaichean air an robh na clogaid òir, agus na cotaichean breaca buidhe. Air na dromannan, air na cliathaichean, ’s air na broillich aca bha stiallan a dh’aodach oir! Tha mi smaointean gu’m bu mhath am fortan dhomh fear de da cotaichean. A bhalaich ort, cha ’n urrainn mi cainnt a chur air na chunnaic mi fhad ’s a bha mi ’nam shuidhe anns an uinneig ud, agus ged a b’ urrainn, cha tiginn gu crich mo sgeòil gu latha Bealltuinn. Ach co dhiu, an deigh na marcaichean thainig carbaid, cuid le da each, cuid le ceithir eich, agus cuid tha mi ’n dùil, le sia eich. Mu dheireadh, nochd an carbad anns an robh a’ Bhan-righ chòir fhéin. Ach ma nochd, rinn an sluagh iolach a chluinnteadh seachd mile air astar. Cha b’ urrainn mi cumail orm ni b’ fhaide. Thog mi mo ghuth, ’s bhuail mi mo bhasan gus an robh gaoir de theas anns na dearnachan agam. An uair a bha i mu choinneamh na h-uinneig anns an robh mi thug i sùil an rathad a bha mi, agus thug i noideadh beag air a ceann rium. Feuch fhéin a nis nach robh sin caoimhneil dhi? Cha ’n fhaca i mise no duine a bhuineadh dhomh riamh roimhe. Cha b’ i fhèin cuid de na tuathanaich, ’s de na h-uaislean beaga eile a th’ air feadh na Gàidhealtachd, a theid seachad ormsa ’s air mo sheorsa gun urad ’s an latha ’mholadh dhuinn. “Ma ta, ’Sheumais,” arsa mise ’s mi tionndadh ris, “cha d’ thug droch ghnothach o’n taigh mi. Ghabh a’ Bhanrigh beachd orm am measg na bha de shluaga mu’n cuairt nan uinneag gu léir, agus thug i noideadh de ceann domh.” “O athair,” arsa Seumas, “nach sibh a tha fada air ais? Cha do ghabh a’ Bhan-righ dad de bheachd oirbh ni’s mo na ghabh i ormsa. Bha i noideadh ris na h-uile neach mar a b’fhearr a b’ urrainn di.” Ach tha mise cinnteach gu’n do sheall i orm direach ann an clàr an aodainn: canadh Seumas na thogras e. Ged is e Seumas m’ aon mhac-sa, agus ged a tha e cho dleasdanach d’ a phàrantan ri mac mathar a tha beò, cha ’n ’eil e buileach saor o’n ghalair a th’ air a’ chuid mhòir de dhaoine òga an latha ’n diugh. Tha duil aig daoine òga an latha ’n diugh gu ’n d’ fhuair iad gliocas an domhain gu léir, Bidh iad a dh’ atharrachadh beachd mu’m bi iad cho sean riumsa, ar neo tha mise gu mor air mo mhealladh. Neo-ar-thaing nach ’eil paipearan-naigheachd agus leabhraichean gu leòr aca ’ga leughadh; ach an uair a thig iad aghaidh ri aghaidh ri cùisean is gnothaichean na beatha so, chi iad an uair sin nach ’eil iad ach mar fhear a’ falbh air a leth chois. Tha e ro fheumail a bhith leughadh; ach tha e pailt cho feumail gu’n cumadh gach neach a shùilean agus a chluasan fosgailte, agus gu’n gabhadh e beachd ceart agus glic, o latha gu latha, air gach ni a chi agus a chluinneas e. So mar a dh’fhoghlum na seann daoine a bh’ann ri linn m’ athar ’s mo sheanar an gliocas a bh’aca. Ach chaidh mi thar mo sgeòil mar is minic a rinn mi. Cho luath ’s a fhuair sinn a mach as a’ bhuthaidh dh’ fheuch sinn ri ar n-aghaidh a thoirt air an taigh. Cha robh sin furasda dhuinn, oir bha ’n sluagh cho dùmhail anns a h-uile sràid air an d’ thug sinn ar n-aghaidh. Mu [TD 331] [Vol. 2. No. 43. p. 3] dheireadh, mar nach d’ iarr an sealbh oirnn, dh’fheuch sinn ri rathad a dheanamh dhuinn fhèin troimh ’n t-sluagh. Cha deachaidh sinn fada air ar n-aghaidh gus am faca sinn gu’m bu cho math dhuinn tilleadh an taobh as an d’ thàinig sinn. Ach ma bha e duilich dol air aghaidh cha b’e tilleadh dad a b’fhusa. Bha ’n sluagh a sior dhùmhlachadh gus mu dheireadh an do thòisich mòran diubh ri glaodhaich àird an claiginn gu robh iad gu bhith air am mort. Bha mi fhin ann an droch staid gu leòr, ach bha mi cumail orm cho math ’s a dh’fhaodainn; ach mu dheireadh b’ eiginn domh teannadh ri gearainn mar a bha càch. An uair a chuala Seumas agus dithis de chompanaich gu robh an deò air thuar a bhith air fhàsgadh asam, thoisich iad air iad fhèin a dhinneadh troimh ’n t-sluagh, agus air mise a tharruinn leo. Ghabh mi eagal uair no dha gu rachadh iad fhéin is cuid de ’n t-sluagh an amhaichean a chèile. Air ghaol ceartas a thoirt dhomhsa bha iad coma cia mar a phutadh ’s a dh’ fhàisgeadh iad a h-uile neach a bha ’s an rathad orra. An uair a bha sinn air thuar a bhith a cunnart thachair gu’n d’thainig laigse air te de na mnathan, agus a chum àile de ’n ghaoith a leigeil da h-ionnsiudh sgap an sluagh a bha timchioll oirre o chèile, agus bhrùchd iad a nall far an robh sinne. Shaoil mi gu robh mi mach as an t-saoghal, agus ghlaodh mi àird mo chlaiginn. Chlisg Seumas agus na balaich eile gu robh mi gu bhith marbh air an làmhan, agus a mach a ghabh iad leam. A dh’ olc no ’dh’ èiginn gu’n d’ fhuair iad thug iad mi beò, slàn a mach as a chuideachd; ach ma thug, cha robh agam ach an com de’n chòta a bha ma m’ dhruim. Cha ’n ’eil fhios agam fhathast cia mar a chaill mi ’n t-earball aige. An uair a chunnaic na balaich gu robh mo chnàmhan ’s mo chraicionn slan, bha iad toilichte gu leòr. Rinn iad gu leòr de ghàireachdaich mu shracadh a’ chòta. Bha mi cearta coma aon uair ’s gu’n d’ fhuair mi mo bheò as a’ chuideachd. Thuirt Seumas, ’s e gu sracadh a gàireachdaich a h-uile uair a shealladh e orm, gu robh mi anabarrach coltach ris a’ choileach stubach a th’ aig Anna Bhig. Tha Seumas is Anna, mar a tha fhios agad, gle mhor aig a chéile. Is iomadh uair a chuir e dhachaidh leth phunnd ti ’s da phunnd shiùcair uice anns a’ bhocsa againne. Bha eagal air Seumas mu dheireadh gu faodainn a bhith ’fàs sgith de na bha e fhéin is càch a’ deanamh de spòrs dhiom, agus thuirt e, “Coma leibhse, athair, is e còta ùr a’s fhaisge dha.” “Cha ’n e,” arsa mise; “seall an seana chota ’th’ air an dréineasach uaine sin a chaidh seachad orm an drasta ’s e puthail ’s a’ gàireachdaich a’ magadh orm. Na’n robh e agam air a’ bhògaich mhòir chuirinn an coinneamh a chinn ann am poll mòine e. Esan am beadagan, a’ magadh air duine còir sam bith ’s gun fhios am bheil ann fhéin ach an t-Eirionnach.” An uair a chunnaic na balaich gu’n d’ fhàs mi cas thug iad gu gàireachdaich. Thuirt Seumas mu dheireadh, “’S e tha mise ’ciallachadh gu faigh sibh còta ùr an àitean fhir a shracadh.” Bha fhios agam gle mhath gur e so a bha e ciallachadh ged nach do leig mi dad orm. Is fhada o ’n a ’chuala mi am facal. Am bheil fhios agad gu’n do chuir e dragh air m’ ìnntinn mi bhith cho fada air ais ’s gu’n do ghabh mi mi-thlachd air son a bhith deanamh spòrs dhiom? Coma co dhiù, ràinig sinn an taigh. Dh’fhosgail Seumas bocsa, agus thug e mach deise o làr gu mullach cho math, ’s cho eireachdail ’s a chuir mac màthar a th’anns an Eilean Fhada riamh m’ a dhruim. An uair a chuir mi uman i bha i mar gu fàsainn innte. Thuirt Seumas rium— “Meal is caith i ’S pàidh an t-annsa, ’S tilg a nall an t-ath-aodach.” So rann a bha riamh o ’n is cuimhne leam, agus fada, fada, roimhe sin’ air a ràdh ris gach neach a gheibheadh ball a dh’ aodach ùr. Nan canadh tu e ri boirionnach gum phòsadh bha còir aice pòg a thoirt dhuit agus nan canadh tu e ri firionnach, no ri mnaoi phòsda, bha còir aca dram a thoirt dhuit. Thuirt Seumas, “’Nis, athair, ged nach òl mise dram tha mi ’ga thagradh mar mo chòir a chionn gu’n dubhairt mi ribh e; agus bheir sibh dram math a’ bhean-an-taighe, ’s a dh’ fhear-an-taighe, agus òlaidh sibh fhèin fear eile air an slàinte. Gheibh sibh botul anns a’ phreasa.” Ghairmeadh a steach fear-an-taighe agus bean-an-taighe, agus an uair a mhol iad an deise mar a dh’fhaodadh iad deanamh, thuirt mi ri bean-an-taighe gu robh mi tuigsinn gu robh botul do stuth na Tòiseachd anns a’ phreasa, agus gu’m bithinn ’na comain nan cuireadh i air a’ bhòrd e, o ’n is i a b’ eòlaiche ’s a’ phreasa na mise. Rinn a’ bhean chòir so gu h-ullamh, ealamh, easgaidh. Dh’òl iad air mo shlàinte, agus an sin lion mi dhomh fhin a’ ghlaine gus a h-òl air an slainte-san, agus thuirt mi:— “Slàinte le deadh dhùrachd dhuibh, Bhur cridhe sùnndach, slàn; Bhur taigh gun bhoinne snidh’ agaibh, ’S bhur ciste mhine lan.” Chòrd so ri bean-an-taighe anabarrach math; ach cha b’ urrainn fear-an-taighe dad a dheanamh dheth o nach robh e air eadar-theangachadh gu Beurla. Thug Seumas ionnsuidh air seadh nam facal innseadh dha, agus bha e ’gràdh gu’n do chòrd na thubhairt mi ris gu gasda. Innsidh mi dhuit mar a tha, cha ghabh moran de na bheil na Gàidheil a’ labhairt eadar-theangachadh idir. Chuala mise duine a bha araon glic agus foghluimte ag radh so. Tha mi cinnteach gu robh fios aige air mu ’n dubhairt e e. Is iomadh fear a tha feuchainn ri nithean a dheanamh nach aithne dha dheanamh, agus is ann diubh oidhirp a thoirt air brigh is blas an orain Ghàilig a chur air an oran Bheurla. IAIN. (Ri leantuinn.) CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 332] [Vol. 2. No. 43. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’s e ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 19, 1894. An ceann seachdain no dha bidh am MAC-TALLA dà bhliadhna dh’ aois, agus an sin a toiseachadh air a dhol na thri bliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean a chàirdean an uile dhichioll ré an da sheachdain sin air cuideachadh leis air chor s gum bi e làidir tapaidh a toiseachadh air an treas bliadhna. Deanadh gach aon fhaicinn an toiseach gu bheil e fhéin cuibhteas ainbhfhiach dha thaobh agus an sin deanadh e impidh a chur air muinntir eile, nach eil fhathast ’ga ghabhail, cur ’ga iarraidh gun dàil. ’Nan deanadh gach aon a tha ’gabhail a phaipeir mar tha, a dhollar fhèin a chur ugainn gu riaghailteach gach bliadhna, agus ainm ùr agus dollar a chur a adhart cuideachd, cha bhitheamaid a’ gearain idir; cha bhiodh reusan gearain againn. Their cuid ruinn gu bheil sinn ris a ghearain tuilleadh us tric, ach na’m biodh iad fhéin ’n ar n-àite, cha rachamaid an urras nach cluinnte ’n guth pailt cho tric. Tha sinn toilichte bhi faicinn na Casket o am gu am a clo-bhualadh piosan matha de bhàrdachd Ghàilig. Tha orain o pheann “Alasdair an Ridge” ri ’m faicinn ann air uairibh mar anns a phaipeir so fhein. Tha e an dràsda a toirt do luchd-leughaidh na Casket Eachdraidh nan Domhnullach rud a tha e gle chomasach air a dheanamh. Tha paipear ann an Sioiramachd Ghlinn-Garraidh ann an Ontario, an Glengarrian, anns am beil piosan de leughadh Gailig mar a’s trice. Chunnaic sinn oran Gàilig anns an Orillia Packet air an t-seachdain s’a chaidh. Thug dithis de dhaoine uaisle ann an Sasunn prìs anabarrach mòr air dà ugh bunna-bhuachaille. Thug fear dhiubh corr is trì cheud punnd Sasunnach air an ugh bu mho ’s bu bhriadha, agus am fear eile mu dhà cheud punnd Sasunnach air an ugh bu lugha. Tha e coltach gu robh an t-airgiod glé phailt aig na fir so. Gun teagamh sam bith tha uighean nam bunna-bhuachaillean anabarrach gann, ach ged a tha cha b’ fhiach iad an t-airgiod. TEINTEIN MORA.—Bha teine mor ann am baile Bhoston Di-màirt s’a chaidh. Thoisich e ann an pàirce anns an robh àireamh de mhuinntir a bhaile cruinn ag amharc air buidheann dhe ’n oigridh a cluich Base-Ball, agus ’se gillean beaga a las e le paipearan ns sliseagan a chuir iad nan teine air son spors dhaibh féin. ’Nuair a chunnacas gu robh an teine a sgaoileadh chuireadh fios air na h-innealan-uisge, ach bha iad ag obair ’an àite eile, agus chaidh moran ùine seachad mu’n d’fhuair iad tighinn. Re na h-ùine sin bha ’n teine ri sgath uamhasach, agus mu’n robh casg ceart air a chur air bha earrann mhor dhe’n bhaile air a losgadh, bha na ceudan de thaighean-comhnuidh air an losgadh gu làr, agus na miltean sluaigh air an fàgail gun dachaidh. Bha teine mor eile Di-ciaduin ann am baile beag am an Rhode Island ris an canar Pawtucket, a rinn call mor, a loisg taighean, soithichean, agus laimhrigean. Tha ’n call air a mheas aig leth muillein dollar. An latha roimhe dh’ fhàgadh Bascaid agus litir aig maighstir ceannuidh an eich-iaruinn ann am baile a th’ air taobh a deas Shasuinn. An uair a dh’ fhosgail e an litir bha e air innseadh innte gu robh leanabh anns a’ bhascaid, agus gu robh e air a chur m’ a choinneamhsan cùram a ghabhail de ’n leanabh, agus àrach a thoìrt dha mar gu’m bu leis fhein e. Dh’ fhosgail e a’ bhascaid agus bha leanabh tlachdmhor ’na chadal innt. Ach cha ghabhadh e gnothach ris an leanabh. Dh’ innis e mu ’n bhascaid ’s mu ’n leanabh do ’n luchd oibre a bha fo làimh. Thuirt fear dhiubh, gu ’n gabhadh esan cùram de ’n leanabh, o nach robh e coltach gu ’n gabhadh neach sam bith eile cùram dheth. Thug e leis a’ bhascaid agus an leanabh dhachaidh. Am uair a thogadh an leanabh as a’ bhascaid fhuaradh na h-uiread de dheiseachan aodaich deas air an ùr-dheanamh air son an leinibh. Ann am measg an aodaich so fhuaradh dà cheud punnd Sasunnach. An uair a chuala am fear a dh’ ionnsuidh an do chuireadh an leanabh mar a bha, bu mhiann leis an t-airgiod fhaotainn air ais, ach cha tugadh am fear eile dha cuid seach cuid dhiubh. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Giliag. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 333] [Vol. 2. No. 43. p. 5] NAIDHEACHDAN Cisteachan, Màileidean, Cuipeachan, agus Carbadan Cloinne air ùr thighinn gu F. Falconer agus a Mhac. A bhùth Acuinn Each a’s fhearr air an eilean. Chaidh dithis chloinne le Somhairle Moireastan aig Acarsaid Mhargaree a phuinnseachadh air an t-seachdain ’sa chaidh. Chaochail an nighean aois shia bliadhna, ach tha’n gille a’ dol na’s fhearr. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Tha na mèinnein guail anns na Stàitean ’nan tàmh o chionn àireamh sheachdainean, agus tha bailtean mora na dùcha sin air fàs gle ghann dhe ’n ghual. Tha iad a nis ’g a cheannach ’an Canada ’s am Breatuiun. Leighsidh Minard’s Liniment Carr. Air an treas latha dhe’n mhios so, chaochail ann an Ashdale, àn siorramachd Antigonish, seana bhean choir da’m b’ainm Mairi Chamaran, bantrach Dhùghaill Chamaran. Bha sia duine fichead cloinne aice, tri deug de ghillean ’s tri deug de nigheanan. Cha ’n eil beo dhiubh an diugh ach deichnear. Minard’s Liniment ’s gach aite. Tha ’n t-Urr. Seumas Friseal Caimbeal, mac do’n onarach Tearlach Caimbeal am Baddeck, an dràsd ann an Canada, agus air an rathad gu ard-sheanadh na h-Eaglais chleirich a tha gu bhi air a mhios so ann am baile St. John. Tha Mr. Caimbeal o chionn ochd bliadhna deug na theachdaire aig an eaglais anns na h-Innsean. Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT amhach ghoirt. J. D. BOUTILIER. French Village, Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an crup. I. F. CUNNINGHAM. Cape Island. Tha fios agam gur e MINARD’S LINIMENT leigheas a’s fhearr a tha ann. JOSEPH A. SNOW. Norway, Me. Tha mèinneadairean Springhill air sgur a dh’ obair a rithist. Sguir iad o chionn dà sheachdain, ach thainig iad fhèin ’s sealbhadairean na mèinne gu cordadh agus chaidh iad air ais gu’n obair. Ach cha b’u luaithe rinn iad sin na thug iad fa-near nach robh choltas air a chùis gu ’n seasadh iad ris a chordadh agus thilg iad uatha an obair a rithist. Tha iad mar sin o Dhi-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, ’s cha’n eil fhios de cho fad ’sa bhitheas. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. Thubhairt a bhean, air an robh mòr eagal, agus a lean iad, “C’ aite bheil a chlann.” Dh’ amhairc Tuigse ann’ an tiug dhomhlachd, agus chunnaic e iad a pùchadh air aghart, agus ghlaodh e: “Cia fhad a dhaoine baoghaltà a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas; nach eisd ri guth nan driudh a tha ro-sheolta ’nan druidheachd, sheas Criosduidh agus a bhean gu dubhach-ise air mhodh àraidh do bhrigh gu ’n d’ rinn a briathran Criosduidh a chuir air seachran. Cia fhad a leanadh na h-oganaich air spairn a dheanamh chum an Iomhaidh Oir a ruigheachd—cha b’ urrainn aon a ràdh ach an graide, gun mionaid de rabhadh, thuit eagal air an t-sluagh agus bhuail iad air a cuthach aon an a aghaidh aon. Iadsan a rainig bun na carraigh, agus a bha ionnan sa glachdagh nan duaisean, bha iad air an tilgeadh sios measg na cuideachd, agus shaltair iad air moran na ’n tuiteam; chaidh iad fein as an t-sealladh mar luaidhe ann an doimhneachd na fairge; cha de ghabh aon curam d’a bhràthair. Bha Peadar agus Tomas air an luasgadh a null ’sa nall, agus an àite an duais a chosnadh sann bha ’n aodach air a shrachdadh bhar an droma, bha iad a plosgadh le cion analach dh’feuch iad ri teicheadh agus as dèigh moran trioblaid ràinig iad an Athair, neach a ’s gann a b-urrainn iad amharc ’san aodann; Air dhasan fios bhi aige gu ’n do pheacaich e fein, cha de chronaich e iad. Thubhairt Tuigse ri Criosduidh: Teich airson t-anama; na seall a’ d dhéigh, agus na stad sa’ chomhnard uile. Bha iad gle thaingeal faotuinn cuibhteas Riarachadh Saoghalta, agus uime sin ghreas iad dh’ionnsuidh an t-soithich. An sin chualas fuaim trompaid, agus carbad an Ridire Iudas mamon a luidrigeadh troimh na sraidean. Ghabh iad ioghnadh fhaicinn caol ann am feoil agus neo-sgiamhach mar bha a chuid bu mhodha dheth ’sluagh. Bha na maraichean air an cuibhrigeadh le poll bho chuibhlichean a charbaid agus be so a chuid bu mhodha a thug iad leo a Riarachadh Saoghalta. (Ri leantainn.) Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 334] [Vol. 2. No. 43. p. 6] EACHDRAIDH NA SMUIDS-HOITHEACH. LE IAIN MACILLEBHAIN. Cluinnear am beul gach duine gur lìonmhor agus gur iongantach na h-ùr-innleachdan agus na h-atharrachaidhean a ghabh àite ’n ar linn ’s an dùthaich, ach is tearc ’n ar measg na ’s urrainn ìnnseadh c’uin, c’ àite, no co leis a thòisich mòran diubh. Tha mi anns na leanas gu oidhirp a thabhairt, gu h-athghearr an cainnt mo dhùthcha, air cùnntas a thabhairt air aon do ni is comharraichte a ghabh àite ri ar cuimhne, cha ’n e mhàin ’n ar rìoghachd fèin ach anns an t-saoghal. Tha beachd agam gu math an uair a bhitheadh muinntir gu dol do Ghlaschu o’n cheàrna so d’an dùthaich,* a bhi ’gan cluinntinn ag ràdh gu’m bu tarugh gu’n robh a choimhlion loch ’san rath ad,—nach bu ni ’s am bith leò an t-asdar mar bhi na h-aisig. Is ann a tha daoine’ nis air caochladh am beachd cho mòr ’s gur ann a tha iad a’ caoidh gu’m bheil fearann Chinntìre anns an rathad,—gum b’fhearr gu’m b’ uisge an t-slighe gu h-iomlan, ’s gu’m faighte air aghart na bu luaithe, na bu shaoire, agus na bu shocaire no air sheòl ’s am bith eile. M’ am b’ urrainn so a bhi b’ éiginn gu’n d’fhuair daoine dòigh a’s feàrr air siubhal air an uisge na bha aca riamh roimhe. Cha ruig mi leas ìnnseadh gu’n d’fhuair no gur h-i ùr-innleachd na Smùid-shoitheach a rinn an t-ath-arrachadh. Shaoileadh duine nach bitheadh e doirbh ’fhaotainn a mach co ’rinn a cheud smùid-shoitheach, a tha cho eadar-dhealaichte o gach soitheach eile, ach cha’n ann mar sin a tha. Cha ’n e mhàin gu’n robh mòran dhaoine fa leth, ach bha rìoghachdan a’ sanntachadh ’s a’ strì ri ’dheanadh a mach gur h-ann doibh a bhuineadh cliù agus ainm ùr-ìnnleachd cho comharraichte. Tha na Spàinntich toileach a chur an céil gur h-ann doibhsan a bhuineas ùr-innleachd na smùid-shoitheach, a chionn gun d’fhuair iad anns’ a bhliadhna 1826, ann an tigh-tasgaidh, paipeir sgrìobhta a bha ’toirt cùnntais mu fhear d’ am b’ ainm Blasco de Garay a rinn, anns a’ bhliadhna 1543, ìnnleachd a chur ann an soitheach a chuireadh gu seòladh gu siùbhlach le coire de uisge goileach. Shaoileamaid n’ am b’fhìor so gu’n cuireadh iad gu feum * Srìobhadh so ann an Eisdeal. e anns a’ bhliadhna 1588, an uair a thug iad an ionnsaidh air Sasunn leis an Armada mhòir. Is i mo bharail an àite toiseach a bhi aca gur h-ann a bha ’sa tha iad fathast fada air deireadh air na coimhearsnaich ’s a’ chùis. Is gann a chluinnear iomradh idir air smùid-shoitheach Spàinnteach, agus tha e mòran ni ’s coltaiche gu’n d’ rinn iad am paipeir anns a’ bhliadhna 1826 na gu’n do rinn iad smùid-shoitheach anns a’ bhliadhna 1543. Tha Sasunn ag agradh còir air an ùr-ìnnleachd a chionn gu ’m faighear ann an leabharan beag a sgrìobh Iarla Worcester anns a’ bhliadhna 1665, gu ’n gabhadh smùid-ìnnleachd cur ann an soitheach a bhitheadh ro ùiseil a chum loingis a shlaodadh a stigh no mach à acarsaidean, ach cha chluinn sinn gu’n deachaidh so ceum na b’ fhaide na bhi an sgrìobhadh agus mar sin cha ’n airidh e air a bheag de shuim. Tha iad a’ toirt oidhirp eil ann a bhi ag ìnnseadh gu’n d’ fhuair fear Jonathan Hulls anns a’ bhliadhna 1736, Litir-Rìgh* air son gu’n robh e gu soitheach uidheamachadh le smùid-innleachd a sheòladh loingis an aghaidh sruith agus soirbhis, ach cha mhò ’tha cùnntas air bith gu ’n deachaidh so riamh ’fheuchainn: faodar uime sin a chur a leth-taobh mar ubh anns nach robh gur, agus gu cinnteach às nach d’thàinig riamh eun. An àite muinntir Shasninn a bhi ’feuchainn a thoirt air daoine a chreidsinn gu ’n robh làmh aca ann an ùr-rìnnleachd na smùid-shoitheach, b’fheàr dhaibh gun a bhi a’ brosnachadh dhaoine gu bhi a’ rannsachadh ro mhion ’s a’ chùis, oir faodar a thilgeadh orra nach e mhàin nach robh iad air thoiseach, ach gur ann a bha iad bliadhnachan air deireadh air Albainn. Is ann à Glaschu a chaidh a cheud smùid-shaoitheach a bha riamh ann an Sasunn. Toiseach an t-samhraidh anns a’ bhliadhna 1815, thàinig Captain Dodds le sgiobo à Lunnainn a cheannach té dhiubh. Fhuair e an Elizabeth. Dhubh e dhi an t-ainm is ’na àite chuir e air a deireadh an Thames. Sheòl e leatha rathad Eirinn agus mu ’n cuairt ìochdar Shasuinn is i ’n a h-ioghnadh do na chunnaic i. Ràinig i Plymouth mu mheadhon an t-samhraidh far an d’fhuair i latha a thoirt cothraim do luchd-riaghlaidh a chalaih a faicinn * Patent. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 335] [Vol. 2. No. 43. p. 7] agus a feuchainn, is i ’n a sealladh do mhìltean nach faca ’s nach cuala a’ bheag de iomradh riamh air a leithid. An ath latha sheòladh leatha gu Postsmouth far an do chruinnich na mìltean ’s na deich mìltean g’a faicinn—gach neach diubh a’ meas na Thames ’na h-ioghnadh do-labhairt. An àm dhi ruigheachd bha luchd-riaghlaidh na Cabhlaich Bhreatannaich cruinn ann an cùirt ’s cha d’ fhan iad ri sgaoileadh na cùirt, ach ruith iad a mach mar chloinn à tigh-sgoil a dh’ fhaicinn seallaidh nach fhacas a leithid riamh roimhe, agus iad fo eagal nach beireadh iad air fhaicinn a rithisd. Dh’ fhan an Thames latha ann am Portsmouth far an d’ thàinig coisiridh rìomhach air bòrd—ceithir àrd-cheannardan loingis, mòran mhnathan uaisle, saighdeirean mara agus buidheann de luchd-ciùil; ach bu bheag d’ an ceòl a chluinnte an àm dol seachad air loingis na cabhlaich a bha ’s a’ chaladh, le àrd-chaithream nan seòladairean a bu leòir a dhùsgadh mhic-talla féin as a shuain. An àm pilleadh mu fheasgar bha gach neach a’ moladh buaidhean a’s murrachas na Thames. An déigh so shaoileamaid nach ruigear leas a bhi ’cosd cainnt ann a bhi ’dearbhadh nach buin an ìnnleachd do Shasunn. Na ’m bitheadh dad de ’n t-seòrsa roimhe so aca fèin, cha deanadh iad a leithid de othail ri aon a thigeadh à Albainn. Is iad na h-Americanaich is dlùithe a dh ’fhaodas dol air cliù agus creideas na h-ùr-ìnnleachd a thoirt uainn. Is iad gun teagamh a chuir gu feum an toiseach i. Rinn fear dhiubh d’ am b’ ainm Robert Fulton, anns a’ bhliadhna 1807, smùid-shoitheach d’ am b’ ainm an Clairmont a chur gu gleus air an abhainn mhòr an Hudson agus b’e so a’ cheud chosnadh a chaidh a dheanadh riamh leò. Cha robh iad air an cur gu ùis an Albainn roimh ’n bhliadhna 1811, an uair a chuireadh an Comet an òrdugh le Henry Bell ann an Ghlaschu, gidheadh, tha mi an dòchas gu’n dean mi soilleir nach iad na h-Americanaich ach na h-Albannaich, agus gur e fear a mhuinntir Dhùnfris d’am b’ainm Seumas Taylor, an duine, leis an do rinneadh a cheud smùid-shoitheach. Bha Seumas Taylor air fhòghlum ann an àrd Oil-thigh Dhunéidinn. Bha e ro thùrail agus toigheach air a bhi’ dealbh ’s a’ feuchainn ìnnleachd. Chaidh e anns a’ bhliadhna 1875 do theaghlach Mr. Patrick Miller ann an Dalswinton a theagasg a chloinne. Bha Mr. Miller mar an ceudna ’n a dhuine ìnnleachdach agus mar so thachair iad air a chéile. Fhuair iad bàta a thogail air son rèis a bha ri feuchainn ann an Lite ’s a’ bhliadhna 1787. Bha am bàta air cumadh ùir agus an àite bhi air a cur air falbh le raimh ’s ann a bha cuibheall ag oibreachadh ’na meadhon. Bhuidhinn iad an réis ach chunnaic iad gu ’n robh am bàta cho goirt ri h-oibreachadh ’s nach bu chomasach do dhaoine a sheasadh,—gu ’m feumta an dara cuid a chuibheall a leagadh seachad no ìnnleachd a bu chumhachdaiche na neart dhaoine fhaotainn ’g a h-oibreachadh. An déigh breathnachadh air a’ chùis thubhairt Mr. Taylor nach b’ aithne dha ni cho freagarrach ri smùid-ìnnleachd a dh’ oibricheadh gu sùrdail gun fhàs sgìth. Cha robh Mr Miller ’ga fhaicinn cho freagarrach, ach ma dheireadh dh’ aontaich e leis cho fada ’s gu’n deachaidh bìrlinn a thogail agus smùid-inneal beag de umha a chàradh an òrdugh innte ’s a mach air loch uisge Dhalswinton chaidh a feuchainn a’s sheòladh i gu siùbhlach mu choig mile ’s an uair, an sealladh nan ceudan a chruinnich a dh’ fhaicinn bàta a falbh cho luath gun ràmh, gun seòl; chithear fathast ann am paipeirean naigheachd an àm sin mion chunntas air soirbheachadh na ceud oidhirp a chaidh riamh a thoirt air soitheach no bàta a chur gu h-asdar le smùid-inneal. Shoirbhich leò cho maith ’s gu ’n do chuir iad rompa an ùr-ìnnleachd a thionndadh gu ùis a’s buannachd gun dàil am beachd Litir-righ fhaotainn chum a dheanadh cinnteach dhoibh féin. M’am bitheadh iad aig cosdas a cheum so rùnaich iad tuillidh dearbhaidh fathast a chur air a chùis le soitheach beag fhaotainn a thogail. Chaidh Mr. Taylor gu fùirneis mhòir Charroin chum na buill throma iarruinn fhaotainn a thilgeil air son na smùid-innleachd a bha ri ’cur anns an t-soitheach ùr agus a chum an obair a bheairteachadh an òrdugh innte. Thuarasdalaich e fear d’ am b’ ainm Symington a bha ag oibreachadh a réir stiùradh Mhr. Taylor fhéin. Chaidh an soitheach a chrìochnachadh ’sa feuchainn an lathair mhòran, uaislean a’s chumanta air ’a Chanal dlùth do Charron air an 26mh latha de mhìos deireannach na bliadhna 1798. Dh ’fhalbhadh i gu siùbhlach, socair a’ ruith sè mìle ’s an uair, ’s bha gach duine a’ moladh làn shoirbheachadh na h-ùr-innleachd. Shaoileadh duine gu’m bu leoir na chaidh cheana ainmeachadh gu ’dhearbhadh gur ann do Albainn gun teagamh a bhuineas ùr-ìnnleachd na smùid-shoitheach ’s gur e gu sònraichte Mr. Seumas Taylor an duine a dh’ oibrich a mach i. (Ri leantainn.) Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. [TD 336] [Vol. 2. No. 43. p. 8] ORAN. Dh’ fhag thu sinn a fhleasgich thaitnich; Is air ais cha till gu brath. Tha thu ann san uaigh an tasgaidh Ann an glacibh teann a bhais. Ged bhios ros gu boidheach, cuachach ’Fas a suas ’sa mhaduinn bhlaith, Roimh mheadh’n latha faodidh cuairt ghaoth Thoirt an nuas a dh-ionnsidh ’n laìr. Leag am bas ur ghallan ceutach, A bha beusach, ceanalt’, stuam’, Cha do chleachd e ceilg na breugan, No cainnt bheumach, lan de dh-fhuath. ’Dhaoine bochda, bithibh deurach, Thug an t-eug deagh charid bhuaibh; Fear a gheibhteadh caoimhneil, deirceach, ’S cha b’ ann feineil, greannach, cruaidh. Chi mi ghaoth a cur nan sineadh Dhiasan liontach trom san uair, ’S diasan caola, dona, criona, ’Fas gu direach os an cionn. ’S tric tha daoine gasd’ a caochladh Mun doir aois air falbh an luths, ’S daoine crosda, don’ a fantuinn Air an t-saoghal moran uin’. Dh’ fhalbh thu, dh’ fhalbh, oigeir aluinn De ’n dream laidir, chalma, threun; Camaranich ’bu doirbh ’san araich Leis na claidhean guineach, geur. B’ ard an cliu ri am Shir Eoghan, Ard cheann-feadhna nam mor euchd; Bu tric an naimhdean borb, uaibhreach Air an ruaig roimh chruas am beum. Thuit thus’ Alasdir aluinn, Ann an cogadh na Spaìnne le cliu; Bu tu ’n t-og a bha ceutach, Mar mhac-samhailt do’n ghrein bha do ghnuis. Cha do sheall ann ad aodann Aon nach dugadh dhuit gaol, is gu’m b’ fhiu; Fear do ghuilain ’s do naduir Cait an robh ann san aite bho thus. ’S beag an t-ionghnadh do mhathair A bhi eisleineach, craiteach, gun neart; Fhuair i riasan no dha air Ged a thigeadh a gabhadh mu seach. Ach cuid mhor dheth thig’nn comhla, Dh’fhag sin ise gun treoir, air bheag math; ’Nis cha dean i car eibhinn Mur a gluais i air eiginn le bat’. Tha do mhuime bochd, cianail, Gur tric snighe nan diar air a gruaidh, ’Caoidh an ailleagain chiatich ’Bha i ’galtrum tri bliadhna le uaill. Dh’fhalbh a h-aighear ’s a solas, Is ’nan ait thanig bron is droch shnuadh; Is tha t’ side dheth craiteach, ’S a chul taic air a charadh ’san uaigh. Dh’fhalbh na fiurain dheas og’ ud, ’S cha dean mìse ’n toirt beo le mo chainnt; ’Chneidh a’s uire ’s i ’s craitich’, Dh’fhalbh am flur bharr a’ gharidh ’na dheann. ’Chraobh bhios tric air a rusgadh Theid a cnodhan no h-ubhlan air chall; Gur h-e crionadh a’s du dhi, Cha dig snothaichean ur oirr’ ach mall. ’S ionnan sin ’s mar tha ’m Baillidh, ’N deigh a lomadh ’sa chramhair gach taobh; Aig an rioghachd bha mal air, ’S gu ’n do rinn e a phaigheadh gu daor. Cha ’n e airgiod no airneis A thoirt seachad a dh’ fhag e lan ghaoid, Ach na gaisgich ur, aluinn ’Thuit an cogadh a chlaidh air an taobh. Tha ainmean na feadhnach a phàigh air na cumail thairis gus an ath àireamh. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 337] [Vol. 2. No. 44. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 26, 1894. No. 44. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VI.—Air a leantuinn. Rinn gleadhar a bhaile an cluasan a bhodhradh air chor ’s nach b’ urrainn doibh aon a cheile a chomhfurtachadh. Bha iad aoibhneach foatiunn air falbh doigh air bith. Mar so bha air a choimhlionadh ann a Riarachadh Saoghalta na briathran, “tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dluth, agus a’ deipeachadh gu mòr, tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach: Ni mò dh’ fheudas an airgiod no ’n òr an saoradir ann an là feirge an Tighearn, ach le teine ’eudsan loisgear am fearann uìle, oir bheir e gu deimhir léir-sgrìos obann air uile luchd-àiteachaidh na tire.” CAIB. VII. Ràinig na maraichean an soitheach, agus fhuair iad i air cladach, a sàs anns’ an làthaich. Bha an seòl mara air tionndadh. Streap iad a suas mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad, agus chaidh iad fo chlàr air ball, agus nàir orra amharc an aodann aon a chéile. Air an oidhche so mar an ceudna dh’ fhas iadsan a chaidh air tìr tinn le fiabhrus a bha cumanta anns an eilean. Bha iad mar gu ’m eadh ri theine, corp us anam; luaisgeadh iad mar air leabaidh dris. Bha an t-ollamh Saor Ghràs gniomhach dol bho h-aon gu aon eile, chuir a chungaidhean, maille ris na briathran a thuit o bheul, casg air an fhiabhrus agus an ùine ghearr bha iad comasach teachd a nuas air a chlàr uachdar: Bha an t-iomlan dìubh iarrtannach air seòladh ach Dearsade a mhàin agus bha iad ullamh gu grad, brònach do bhrigh gu robh iad co luath air an aomadh a thaobh, gidheadh ri gàirdeachas air dhaibh bhi faicinn an cuan fosgailte. Air an ath mhaduinn—tra bha iad a thoirt a steach na càpail thainig Caip tein Gradh-air-Beatha nuas anns an turumanaich dh-ionnsuidh an t-soithich aige féin, air a chumail suas le cho-sheoladair, Simon Magus a bha aig am àraidh na lighich ann a Fein-Earbsa ach coltach ri moran a thainig as na cearnaibh ud, a creidsinn gu robh e comasach air gach ni saoghalta dheanamh. (Ri leantainn.) LEODHAS.—Bha triuir bhràthrean Leodaich, air am bàthadh aig baile beag ann an sgire nan Loch, mu choig mile fichead ò bhaile Steòrnabhaigh, air a cheathramh latha dhe’n mhios so. Bha iad a mach le bàta a toirt a stigh luchd feamainn, bha mhuir gle gharbh agus bha’m bàta tuilleadh us trom leis an luchd a bh’ ann, agus chaidh e thairis. Mu ’n d’ fhuaireadh bàt eile chur a mach, bha na gillean bochda air am bàthadh. Bu mhic bantraich iad, agus tha i nis air a fàgail leatha fhéin gun duine chumas taic rithe ’na sean aois. Air latha àraidh thachair Ministeir ainmeil Gaidhealach air duine a bha ’na namhaid do ’n Ghaidhlig, agus am feadh a bha iad a labhairt ri cheile mu dheibhinn na Gaidhlig, thuirt an duine “Ciod e am feum a bhi cumail suas na Gaidhlig, is cinnteach gu ’m faigh i bàs co dhiubh, agus nach eil e cho math siubhal a leigeil leatha ann an sith?” B’ e so an fhreagairt a thug am Ministeir dha, “Ciod e am feum dhutsa bhi gad’ chumail fein suas le itheadh agus le òl, oir gheibh thusa bàs mar an ceudna latha-eigin?” Cha robh freagairt sam bith aig an duine, agus dh-fhalbh e gun fhacal eile a ràdh. Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor. Tha Morair Abaraidhean, Ard-Riaghladair Chanada a tigh’nn air chuairt do Cheap Bretunn toiseach an fhoghair. Minard’s Liniment ’s gach aite. Comh-Sheirm Ghailig ann an Lunnainn. Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi thugaibh rinn mi iomradh air a Chlass Ghàidhlig agus air a chomh-sheirm a bha gu bhi aca air an treas là de ’n mhios. B’e sin an là roimh ’n dé agus tha mi glè thoilichte ’ràdh gu ’n robh coinneamh againn cho gasda ’s a burrainn neach iarraidh. Chruinnich na Gàidheil bho gach cearn de ’n bhaile agus leis an dòigh anns an do ghabh iad ris gach oidhirp a thug a choisir, sheall iad gu’n robh iad làn-riaraichte. Bho “Ordugh na Comh-sheirm” a tha mi cur thugaibh le so chi sibh nach robh dad againn ach Gàidhlig fad na h-oidhche. Thaitinn an “comhradh” eadar an dithis bhalach òga—Alasdair Hepburn agus Dòmhnull Mac Aoidh,—ro mhath ris an t-sluagh. Cuiridh mi thugaibh e an ath sheachduinn. ORDUGH NA COMH-SHEIRM. Port air a’ Phiob Ian Mac Aoidh agus Gilleasbuig Mac Aoidh “Moladh na Lanudaidh” A’ Choisir “Gun chrodh gun aighean” Giorsal NicAoidh “Bruthaichean Ghlinn Braoin” A’ Choisir “C’ ait’ an caidil Ribhinn” Alasdair Hepburn. Fidhleireachd Ian MacPhearsoin “Cumha na h-Oighe” F. MacGhillebhubhe “Thainig an Gille dubh” Anna Nic Artair “Maili bheag og” A’ Choisir “Fear a’ Bhàta” I. Nic Illeathain TABRUING-ANALAOH. Piobaireachd Dòmhnull Mac Aoidh “Ho-ro mo nighean dònn bhòidheach” A’ Choisir “Crodh Chailein” Deorsina Nic Aoidh, Anna Nic Artair, Bmhr Gilliosa agus P. Macantsaoir. “Air Fal-al-al-o” Alasdair Hepburn Fidhleireachd Ian Macphearsoin “An cluinn thu Leannain” F. MacGhilleabh uidhe. “Faill-ill-o agus ho-ro eile” Deorsina Nic Aoidh Comhradh eadar Alasdair Hepburn agus Domhnull MacAoidh “Mnathan a’ Ghlinne-sa” I. Nic Illeathain “Cumha Mhic-Criomain” Giorsal NicAoidh “Gabhaidh sinn an rathad mór A’ Choisir CABAR-FEIDH. [TD 338] [Vol. 2. No. 44. p. 2] TURUS DHOMHUILL BHAIN DO ’N EXHABITION. FACAL AIR AN FHACAL MAR A DH’ AITHRIS E DHOMHSA E AN LATHA ’THAINIG E DHACHAIDH. (Air a leantuinn.) CHA deachaidh mi mach as an taigh air an fheasgar ud tuilleadh. Bha Seumas agus na spalpairean òga eile a bha maille ris air son mo thoirt a mach air feadh a’ bhaile anns a’ mhionaid; ach thuirt mis riu gu’m b’ mhath an sealladh a dh’ fhear sam bith ann an aon latha an sealladh a chunnaic mise, agus iadsan, agus miltean air mhiltean a bharrachd oirnn an uair a chunnaic sinn sealladh de’n Bhan-Righ. Coma co dhiu an uair a dhorchaich an oidhche dh’ fhalbh mi mach air feadh a’ bhaile a dh’ fhaicinn nan ioghnaidhean a bha cho pailt anns a h-ulle taobh air an tugainn m’ aghaidh. Mar onair do ’n Bhan-Righ bha na mìltean do bhrataichean de gach seòrsa air feadh a’ bhaile. Mhothaich mise dhaibh an uair a chaidh mi mach ’s a’ mhaduinn ged nach tug mi iomradh orra gu so. Anns an oidhche cha ’n fhaicte sealladh ceart air na brataichean, ’s air na h-aodaichean de gach dath leis an robh ballachan cuid de na taighean air an còmhdachadh. Ach mu ’n d’ thàinig deireadh na seachduin fhuair mi sealladh gu leòr dhiubh. Bha sràidean a’ bhaile mu ochd uairean san oidhche a cheart cho soilleir ’s a bhiodh iad air latha geamhraidh. Bha aon bhùth mhòr faisge air an drochaid mhòir agus bha cùnntas mhìltean de chrùisgeanan beaga s’ caochladh sheòrsachan soluis aca ga thoirt seachad. Dh’ innseadh dhomh le urra chinntich gu robh còrr is fichead fear-ceairrde fad seachduin cho trang ’s a b’ urraiun daibh ’a cur nan crùisgeanan an òrdugh. Bha moran eile air feadh a’ bhaile a rinn mar a rinn fear na bùtha so, ged nach robh na soluis aca cho lionmhor no cho maiseach. Cha’n urrainn domh trian de na chunnaic mi an oidhche ud aithris dhuit. Tha’m feasgar a’ tighinn, agus feumaidh mi feuchainn ri sgeul aithghearr a dheanamh dheth. Anns a’ mhaduinn an uair a dhiùsg mi ’s a ghabh sinn ar biadh, dh’ fhalbh mi fhin, agus Seumas, agus fear an taighe, ’s bean an taighe, ’nar ceathrar do’n Exhabition. Thuirt Seumas gur e fhòin a bha ’dol a chosg oirnn o ’n a dh’ fhalbhamaid gus an tilleamaid dhachaidh. Cha do ràinig sinn a leas ach gann ceum coiseachd a dheanamh. A mhic chridhe! ’s ann an sid a bha’n sealladh! An uair a ràinig sinn cha robh againn ach a dhol a steach air na dorsan cumhann, oir phàigh Seumas an cùineadh. Ma bha sràidean a’ bhaile dumhail le sluagh an latha roimhe sid, ’s ann a bha ’n dùmhlachadh aig na dorsan cumhann le daoine ag iarraìdh a steach. An uair a chaidh sinn a steach dh’ earb is dh’ àithn mi ri Seumas gun e ga m’ leigeil as a shealladh ar neo nach fhaigheadh e am measg na cuideachd mi ri bheò shaoghail. A bhalaich ort, bha mor-ioghnaidhean an t-saoghail gu leir ann an sid cruinn, cothrom, còmhladh. O nach deachaidh mo cheann-sa ’na bhoil mu ’n d’ thàinig beul na h-oidhche, cha ’n ’eil guth agam ri ràdh. Faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi nach ’eil anns an t-saoghal duine a b’ urrainn beachd ceart a ghabhail air gach ni a bha ri ’fhaicinn an sid ann an ùine bu lugha na mios. Bu chiatach an sealladh an aitreabh thaighean a bh’ ann le ’n tuireadan àrda, maiseach. Ged is e fiodh gun lochdradh a bh’ anns a’ chuid bu mhò dhiubh, bha iad ag amharc anabarrach math o’n taobh a muigh. Ach cha ’n ’eil duine sam bith nach fhaodadh a bhith toilichte leis cho fior mhaiseach ’s a bha iad ’s an taobh a staigh. Thug sinn an toiseach ceum socrach troimh na taighean gu léir, agus chunnaic sinn sealladh dhe gach ni iongantach agus a miseach a bh’annta. Choisich sinn a null thar na drochaid a rinn iad air a’ Chelbhin, agus gabh sinn ceum air ar socair mu’n cuairt air na rathaidean rèidhe, boidheach, mor thimchioll na pàirc. Chuala mi fhìn fuaim dlùth dhomh a chuir ’nam chuimhne uair a chunnaic mi each a’ teicheadh le cairt ann an Steòrnabhagh, agus thug mi sùil an taobh o’n d’ thàinig am fuaim. Ciod e bha ’n sin ach rud ris an can iad Switch-back Railway. A bhalaich ort! rachadh an carbad an dara uair suas an aghaidh bruthaich cho cas ri cliathach an taighe, agus an uair eile rachadh e sios an coinneamh a chinn air an taobh eile de ’n bhruthach, cuimhnich thusa, bha e ’falbh leis fhéin cho luath ris a’ ghaoith, aon uair ’s gu’n tugadh na fir a bh’ aig gach ceann de ’n t-slighe ùpag dha. Chuir an rud a bh’ ann a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s gu’n ’s gu’n deachaidh mi suas an rathad a bha e. Thoisich Seumas air mo bhrosnachadh gus a dhol ann, ag ràdh nach robh duine sam bith a b’ fhiach duine a ràdh ri nach robh dol ann. Thuirt mi nach rachainn ann am muigh no mach, agus nach robh ann ach obair dhaoine gun chèill a dhol ’na chòir. Thnirt bean-an-taigh, a’ bhean chòir, gu rachadh i fhèin ann nan rachainnsa ann maille rithe. Ged nach robh agam oirre ach eòlas da latha, bha mi ro mheasail oirre, agus air ghaol a toileachadh dh’ aontaich mi dhol ann. Cha bu luaithe shuidh sinn ann na mach a bha e. Rinn mi grèim bàis air an àite-shuidh ’s mi ’n duil gu robh mi ’dol dìreach an coinneamh mo chinn do ’n t-siorruidheachd. Leis an t-sitheadh a bha roimhe dh’ fhalbh an ad dhiom; ach cha ruig mi leas a bhith ’gearain o nach d’ fhalbh mo cheann na broinn. An uair a ràinig sinn an ceann eile, thug na ceatharnaich a bha ’toirt na h-ùpaig dha orm a dhol a steach ann agus pilltinn an taobh as an d’ thàinig mi. Cha robh mi cho gealtach a’ pilltinn. Thug mi tainig do ’n Fhreasdal a chum beò mi. Ciod a th’agam air ach ma bha ’n truaighe air an each-iaruinn, gu robh na seachd truaighean air an each-fhiodha. Gu fortanach cha d’ èirich dad do’n aide. ’Nan d’ thainig ormsa dhol am measg na bha sid de shluagh ceann-ruisgte bhithinn air mo nàrachadh. Thuirt Seumas rium an uair a fhuair sinn a mach as an aite chroiseil ud, “Tha mi cinnteach, athair, nach bu mhisde sibh deur beag a ghabhail a chuireadh saod oirbh.” “Ma ta, laochain,” arsa mise, “nan deanadh e feum dhomh tha mi gle fheumach air rud éiginn a chuireadh saod orm. Cha robh mi riamh ann am bheatha cho dlùth air a’ bhàs ’s a bha mi anns an àite cbroiseil ud. Cha b’ e càs an cunnart anns an robh mi, ach chaidh mi nam bhreislich cho mor ’s nach b’ urrainn domh aon fhacal ùrnuigh a chur suas.” Ann an ùine ghoirid ràinig sinn far am faigheamaid ar diol de bhiadh ’s de dheoch de gach seòrsa. Cha robh sinn ach gann air suidhe mu ’n bhòrd an uair a thòisich an aon cheòl cho briagha ’s a chuala mi riamh. “Ciod e an t-inneal-ciùil a tha sid? Cha ’n ’eil mi ’n dùil gu’n cuala mi [TD 339] [Vol. 2. No. 44. p. 3] riamh a leithid,” arsa mise. “Sid agaibh an t-òrgan. Is cinnteach gu’n cuala sibh iomradh air roimhe so ged nach cuala sibh air a chluich e gus an diugh,” arsa Seumas. “Ma ta, Sheumais, ’s fhad ’s cian o chuala mise mu ’n òrgan. Nach b’ e fear a thainig o theaghlach Chain do’m b’ ainm Iubal a rinn a’ cheud òrgan? Is iomadh uair a bha e ’cur ioghnaidh orm gur ann o Chain a thainig na goibhnean agus an luchd-ciùil. Is cinnteach mise nach cluicheadh Iubal air an òrgan cho math sid. Tha sinne, Sheumais, cho math dheth ris a’ mhadadh ruadh an uair a bha e ’g itheadh màl na pìoba, tha biadh is ceòl againn.” An uair a chuala mo bhanacharaid chòir mar a thubhairt mi, rinn i gaire cridheil, agus thuirt i, “Tha ’n urram agaibh féin a Dhòmhuill Bhàin.” Thug sinn an sin cuairt air feadh na h-Exhabition. A dhuine, ciod e an sealladh a bha ’n sin! Mar a thuirt mi riut cheana, cha ’n aithrisinn trian de na chunnaic mi ged a bhithinn a’ bruidhinn uime gu latha buidhe Bealltuinn. Bha mnathan a’ sealltuinn a’ sniomh ’s a’ cardadh ann, agus a fighe bheannagan. Is iomadh snàth caol a chunnaic mise, ach cha ’n fhaca mi leithid an t-snàth ud riamh. Gun fhacal brèige, cha ’n fhaicinn ceart e gus an do chuir mi orm na speuclairean. Bha cuid a’ deanamh bhròg, is adachan; bha cuid a’ fuinne an arain, ’s a’ deanamh nan rudan-milis; bha cuid a’ clò-bhualadh leabhraichean de gach seòrsa; bha cuid a’ fighe nan aodaichean, agus nan ribinean agus nan aodaichean bùird, mòran ioghnadh orm. Bha aon duine ’na sheasamh aig gach beairt, agus ged a bha suàithean de gach dath a smaoinicheadh tu ann, thigeadh na snàithean leò fhéin ’nan am fhéin, agus rachadh iad a steach do ’n bheairt ’nan àite fhéin. An cuala thu mu ni riamh cho ìongantach sid? Mu dheidhinn na bh’ann de dhealbhan ’s a dh’ iomhaighean air an gearradh a cloich ’s a màrmor, cha ghabh e innseadh. Shaoil mise an uair a chaidh mi steach do ’n t-seomar anns an robh iad gur i bean Lot a bh’ ann an te de na h-iomhaidhean. Bha moran innealan de gach seòrsa ann nach robh mise ’tuigsinn ciod e am feum a bh’annta. Bha beairtean-innleachd de gach seorsa fo ’n ghrèin ann, air son a bhith ’cur loingeas air falbh air muir, agus oibrichean de gach seòrsa air falbh air tìr. Co a chunnaic mi ann ach mo charaid, an t-each-iaruinn? A bhalaich ort, ’s ann air a bha chulaidh. Chitheadh tu d’fhaileas as na cliathaichean aige. Nach e ’dh’ fheudas? Cha dean e car latha ’s a’ bhliadhna, agus neo-ar-thaing mur cumar glan e. Is docha gu’n deachaidh e do ’n Fhraing am bliadhna gus gu faiceadh na Frangaich cho briagha ’s a tha e. Bha anabarr innsridh ann—bùird, is cathraichean, is beingeachan, is leapannan, is lar-bhrait, is sgàthain cho mor ri stuadh taighe, is soithichean creadha de gach seòrsa. A dh’ aon fhacal, bha ioghnaidhean an t-saoghail gu léir ann, agus an còrr ged a theirinn e. Cha ’n ’eil uine agam air a’ bheag tuilleadh ainmeachadh; ach cha n-urrainn mi gun iomradh a thoirt air a dha no tri de nithean eile. Mar a tha fhios agad, tha mi ro dheidheil air ceol. Cha do thuig mi riamh car son a bha na ministearan cho fada na aghaidh. Bha buidheann de luchd-ciuil cho math a chluicheadh ’s a th’ ann am Breatunn, ’s anns a’ Ghearmailt, a’ cluich a h-uile latha, ’s iad nan seasamh ann an cròthaidh. Bha de ’n òr air an seacaidean ’s air an ceann-aodaich na deanadh beairteach earaann mhor de mhuinntir na duthchadh. Bha feadain chama, bhuidhe aig cuid diubh, agus feadain dhubha le bannan airgid aig cuid eile. Ach ceol a b’ aille nan ceol a bh’ aca cha chuala mise riamh. Sheàs sinn aig fuaran bòidheach a bha faisge air an drochaid, agus mhol mi an t-uisge, agus thuirt mi nach fhaca mi riamh uisge bu shoilleire na e. Ach thuirt Seumas—“Deanadh sibhse foighidinn gus eadar so ’s deich uairean a nochd, agus chi sibh nach e sin dath a bhios air an uisge. An uair a thig greis de ’n oidhche toisichidh na Sithichean a th’ anns a’ chnoc so ri caitheamh an uisge ’na sput do ’n iarmailt, agus cha ’n ’eil dath a chunnaic duine riamh nach cuir iad air.” “Bi samhach, a bhlaoghastair bhochd,” arsa mise; “cha robh mise rianh cho faoin ’s ga’n tugainn geill do na naigheachdan faoine a bha ’n sluagh ag aithris mu na Sithichean.” Cha robh air so ach so fhein. Thainig an oidhche gun fhios domhsa; oir bha m’ aire air a tarruinn a dh’ ionnsuidh na bha mu ’n cuairt orm. Bha beachd aig Seumas c’ uin a theannadh Tobar nan Sithichean ri cur as a chionn, agus o’n a b’e fhein bu cheann-snaod oirnn nar triuir, bha sinn ’g a leantuinn ge b’e taobh a rachadh e. Cha robh sinn fichead slat o ’n Tobar an uair a thoisich e ri cur as a chionn. Mar a thubhairt Seumas b’ fhior. Cha robh dath a chunnaic duine riamh nach robh air an uisge. Bha ’n t-uisge a’ leum air uairean cho ard, tha mi creidsinn, ri tri fichead troidh. Bhiodh cuid dheth buidhe, ’s cuid dheth uaine ’s cuid dheth dearg, ’s cuid dheth gorm ’s cuid dheth de dhathan iongantach eile air nach urrainn dhomh-sa ainm a chur. Cha robh mi ’g radh diog. Shealladh Seumas orm an drasta ’s a rithist fo ’n t-suil. Mu dheireadh thuirt e—“Nach math a tha na Sithichean a’ dol ris a nis, athair? “Is math gu dearbh, ma ’s iad a th’ aig an obair,” arsa mise. Ciod a th’ agam air ach gu robh sri chruaidh a’ dol air aghaidh ann a’ m’ inntinn eadar creideamh agus as-creideamh a thaobh na dh’ innis Seumas dhomh mu na Sithichean, agus na bha mi ’faicinn mu choinneamh mo shul. Thug mi ’n aire ged a bha ’n t-uisge ag atharrachadh dhathan gu robh ’n t-uaine ni bu trice na dath sam bith eile. Agus chuala mi riamh gu robh tlachd ro mhor aig na Sithichean de ’n uaine. Mar an ceudna, tha e air aithris nach d’ fhairtlich ni riamh air na Sithichean a dheanamh ach sugan gaineamhich. Cha mhor nach d’ aidich mi aig an am gur iad a bha cur an uisge as an cionn; ach tha mi nis a’ creidsinn nach robh lamh sam bith aig ni mo neach mi-nadurra anns a’ chuis. Ma bha na Sithichean ann aon uair, c’ aite an deachaidh iad? Suas mu naoi uairean thoisich feadhainn ri losgadh urachraichean do’ n athar. ’S e peilleirean teine a bh’ aca anns na gunnachan. An uair a bhiodh na peilleirean teine so gu math ard anns an iarmailt, bha iad a’ spraidheadh, agus a’ falbh nan cuarsgagan as a cheile, ’s ag atharrachadh a h-uile seorsa dath. ’S e rud cho mor ’s a chuir a dh’ ioghnadh orm ’s a chunnaic mi fad na h-uine. Sheas sinn ag amharc an t seallaidh so gus an d’ thainig an t-am dhuinn a bhith ’dol dhachaidh. Theab nach fhaigheamaid carbad no carn a bheireadh pios de ’n rathad sinn. Rainig sinn an taigh mu aon uair deug: (Air a leantuinn air taobh 7.) [TD 340] [Vol. 2. No. 44. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, - - - $1.00 Sia miosan, - - - .50 Tri miosan, - - - .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 26 1894. THA ’m fiabhrus dearg a nis gu dhol bàs anns a bhaìle, cha n-eil gin ’ga ghabhail as ùr, ’s tha iadsan a tha tinn leis a dol am feabhas. Tha ’n tinneas gabhaltach so ann an caochladh àitean eile mu ’n cuairt. Tha e ann an tri teaghlaichean de Wilsonich aig cladach a tuath Ghabarus, agus chaochail gille beag, aois da mhios dheug, air Dòmhnull Wilson, Tha sinn an dochas nach fhada gus am bi casg gu buileach air a chur air an fhiabhrus. O’N dh’ fhàg Gladstone riaghladh na riaghachd aig feadhain eile cha’n eil cùisean idir cho soirbheachail ’sa bha iad. Tha Morair Rosebery ’na dhuine tapaidh ach ged a tha, tha a làmhan car lag, agus cha’n eil a dol leis gu ro mhath idir. Cha bhiodh e gle iongatach ged a b’ fheudar dha a phàrlamaid a sgaoileadh an ùine ghoirid gus cùisean a chur fa chomhair an t-sluaigh. A rèir gach coltas, tha Breatuinn a fàs na’s duilighe a riaghladh a h-uile bliadhna. CHAIDH fear Nial Mac Fhionghain a bhàthadh aig Aspy Bay, Di-haoine air an t-seachdain s ’a chaidh. Bha e fhéin ’s a mhac ’s fear eile ann am bàt iasgaich a dol a mach an acarsaid ’nuair thàinig tonn air a bhàta a lion ’s a chuir do’n ghrùnnd e. Fhuaradh an dithis eile a shàbhaladh, ach cha d’fhuaras sgeul air-san gus an d’ thàinig a chorp air tir mu leth-uair an dèigh do’n bhàta dhol fodha. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois agus dh’ fhàg e na dheigh bean, us teaghlach mor. Thàinig soitheach cogaidh Frangach a stigh do’n acarsaid ’sa mhaduinn an dé. Chaidh fear R. T. Thompson a mharbhadh leis an dealanach aig Peterboro’, Ont., an la roimhe. Bha e aig an am a sealltuinn thairis air tigh a bha e ’cur suas. CHUIREADH seana bhean an sàs ann am Montreal an la roimhe air son a bhi baigearachd air an t-sràid. An deigh a toirt gu cùirt chaidh an tigh anns an robh a’ fùireach a rannsachadh, agus fhuaireadh faisg air còig ceud dollar ann. THA ’N Glengarry News ann an àireamh na seachdain s’a chaidh a cur fàilte ’s furan air MAC TALLA, ’sa clo-bhualadh earrann de litir an Dotair Mhic Diarmaid a sgriobh thugainn a Maxville o chionn ghoirid. Nis, a chairid, mur do phàigh thu fhathast air son na bliadhna a tha beul ri bhi seachad, na cuir dàil sa chuis na’s fhaide. Cuir air adhart an t-airgiod air an ath sheachdain cho luath sa bheir am posta air falbh e. THAINIG seann duine, Edward Weeks, ri bheatha fhein aig Amherst, N. S., Di-luain s’a chaidh. Chaidh nighean dha as a rian o chionn ghoirid, agus thatar a deanamh a mach gum b’ e ’n dragh inntinn a bha sin a cur air-san a thug air crioch a chur air fhén. “THA ’smùdan fèin a ceann gach fòid;” ma tha cumhachd agus greadhnachas aig Impire, (no Sàr) Ruisia, cha’n eil fois inntinn aige. Cha’n eil latha dhe’n bhliadhna nach eil a chuid iochdran a’ cur eagal a bheatha air. An la roimhe fhuaradh àireamh de pheilearan bloighdeach (bombs) dluth don phàlais aige deiseil gu bhi air an losgadh. Cha’n eil fhios aig an t-Sàr bhochd gu de ’n uair no mhionaid a chuireas aon de na h-ais-innleachdan ud as am t-saoghal e. THA malairt mhor a dol air adhart eadar cearna de Quebec us St. Pierre, ’s chan eil a mhor chuid dhe ’n bhathar a faicinn tigh-cuspoinn idir. Tha moran deoch làidir ’ga ghoid a steach a Quebec air an dòigh sin a h-uile bliadhna. Tha fhios aig luchd na cuspuinn gu bheil sin mar sin agus tha soitheach aca aig beul na St. Lawrence a sealltuinn a mach air son nan soithichean a bhios ris an obair. Air an t-seachdain s’a chaidh rug i air soitheach beag aig an robh mu dha fhichead baraille de ruma air bord agus shlaod i leatha suas an amhainn i. Ach an ceann latha no dha fhuaras a mach nach robh an soitheach beag sin ach ’g an cur as an rathad air te bu mhò, aig an robh fhichead uiread dhe’n stuth air bòrd, agus a fhuair an luchd a chur air tir gun mhaille sam bith. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - - - C. B. Cailean Siosal. W. Crowe. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 341] [Vol. 2. No. 44. p. 5] NAIDHEACHDAN BHA tuiltean mora ann am Pennsylvania air an t-seachdain so. Ann an iomadh àite rinn iad call mor. THA mèinneadairean Springhill aig an obair a rithist. Thàinig iad fhein us sealbhadairean na mèinne gu còrdadh aon uair eile. CHAIDH pàisde, aois da bhliadhna a bhàthadh ann an tub’ uisge aig Amherst, N. S., an la roimhe. Cha robh ach mu cheithir òirlich a dh’uisge innte. B’ E Dior-daoin a’ cheud latha samhraidh a fhuair sinn am bliadhna. Bha teas anns a’ ghrèin agus blàths anns a’ ghaoith an latha sin nach d’ fhairich sinn o chionn fada. CHAIDH Dior-daoin a chumail mar latha-fèille air feadh Chanada air fad. Bha bhan-righ an latha sin tri fichead bliadhna ’sa còig deug a dh’ aois, agus ma bhios i beo mios eile bi ’dh i ’na ban-righ leth-cheud bliadhna sa seachd. THA pàrlamaid Chanada ’na suidhe, agus tha e glé choltach gu’m bi i ’na suidhe àireamh sheachdainean fhathast. Tha cuid dhe’n bharail nach sgaoil i gu toiseach Ogust. Tha moran ri dheanamh agus tha gach ni a th’ ann a’ tarruinn ùine. THA eagal mor air na Breat-unnaich ’s air na daoine geala air fad anns na h-Innsean gu bheil ceannaic gu bristeadh a mach am measg nàisinnich na dùcha. Tha riaghladh na dùcha a deanamh gach ullachadh is urrainn daibh gus a cheannairc a chur fodha ma ’se ’s gu’n toisich i. THA e air innse dhuinn nach robh latha na Sàbaid s’a chaidh air a choimhead idir ann am mèinn Chaledonia. Bha na daoine aig an obair mar air gach latha eile dhe’n t-seachdain. Cha’n fhaod a bhith gu bheil a leithid so ri bhi air a leigeadh air adhart anns an dùthaich so. FHUAIR sinn air an t-seachdain so eachdraidh air Cloinn Nèill Bharra o’n Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, cunntar air eilean Rarsaidh o “C. C.” agus Litir bhlàth chàirdeil as na h-Eileanan Coille a ar caraid Seumas Mac-Ille-Mhaoil. Gheibh ar leughadairean iad so uile air an ath sheachdain. THA sinn duilich a chluinntinn gu bheil an t-Urr. Ruairidh Mac Leòid, ministeir Dhunbheagain, an Ontario, na laidhe tinn o chionn seachdain no dha. Is e sin is coireach nach eil ar luchd-leughaidh a faotainn tuilleadh cunntais air a thurus do’n Ghàidhealtachd, cunntas a bha a’ fior chòrdadh ris gach aon a bha ’ga leughadh. Tha sinn an dòchas nach bi ’n ùine fada gus am bi e na shlàinte àbhaistich. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Cisteachan, Màileidean, Cuipeachan agus Carbadan Cloinne air ùr thighinn gu F. Falconer agus a Mhac. A bhùth Acuinn Each a’s fhearr air an eilean. TREIS an dèigh an ama so an uiridh, chaidh duin’ og, Armstrong, a mharbhadh aig Foruchu le urchair a gunn a bha e laimhseachadh, agus beagan mhiosan an deigh sin chaochail a mhàthair leis a bhristeadh-cridhe. O chionn beagan us seachdain bha ’athair anns a choille leagadh craoibhe, agus thuit meanglean air agus mharbhadh e air a bhad. Thainig mar so bas athghearr air an triuir aca an taobh a stigh dhe’n bhliadhna. Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT amhach ghoirt. J. D. BOUTILIER. French Village, Tha fios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an crup. I. F. CUNNINGHAM. Cape Island. Tha fios agam gur e MINARD’S LINIMENT leigheas a’s fhearr a tha ann. JOSEPH A. SNOW. Norway, Me. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Sgoil-sheinn Ghailig. Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m.,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart. NIALL DOMHNULLACH. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 342] [Vol. 2. No. 44. p. 6] EACHDRAIDH NA SMUIDS-HOITHEACH. LE IAIN MACILLEBHAIN. Ann a’ bhliadhna 1801 no 1802, an uair a chaidh guth thairis air Mr. Taylor agus a bhàta, thòisich Ms. Symington, cheana ainmichte, (le cuideachadh Lord Dundas) air smùid-bhàta a dheanamh a chum soithichean eile a shlaodadh troimh ’n chanal. An uair a bha i deas chaidh a feuchainn ’s bha a’ choltas oirre freagairt do ’n aobhar, ach chuir luchd riaghlaidh a’ chanail ’n a stad i fo eagal gu’n lionadh i e leis mar a shrulsdh uisge a cuibhlean a sios a bhruachan. Chaidh a cur a leth taobh ann an luib uaigneach d’ an chanal goirid o’n Englais Bhric. Mu ’n cheart àm so bha fear Mr. Fulton o America maille ri Henry Bell à Glaschu a’ faicinn fuirneis mhòir Charrion. Chuala iad mu ’n bhàta ùr agus chaidh Mr. Fulton a thaghal air Mr. Symington a chum a faicinn. Sheall iad gu mion air a feadh, a’ beachdachadh aig gach ni sonruichte m’ a timchioll, a’s iad le cheile a’ cur rompa aig an ceud chothrom an ùr-innleachd chomharraichte so a chur gu buil dhoibh fein—ni a rinn iad—Mr. Fulton ann an America anns a’ bhliadhna 1807, air an abhuinn Hudson, agus Henry Bell, ’n uair a rinn e an Comet anns a’ bhliadhna 1812. Uaith sin tha e làn shoilleir nach mor còir America air ùr-innleachd na smuid-shoitheach. Chunnaic Mr. Fulton té dhiubh aig Carron—mhìnich Mr. Symington dha gach ni m’ a timchioll—cha ’n e sin a mhàin, ach chuir e gu falbh i ’chum gu ’m faiceadh e mar a dh’ oibricheadh an t-iomlan, agus e ’s a’ cheart àm ag innseadh an fheum a dheanadh e d’ an eòlas a bha e an sin a’ faotainn, an uair a rachadh e dhachaidh do America. A thuilleadh air gur ann à Sasunn o Watt & Bolton a fhuair e an smuid-inneal air son na ceud shaoithich a chur e an òrdugh. Tha e coltach gu ’n robh e toileach gu ’m biodh so an an-fhios oir cha b’e ainm fein a thug e suas do Watt & Bolton an àm dha ’bhi ’toirt òrdugh dhoibh an smùid-inneal a dheanamh. Thug Mr. Symington e fein oidhirp neo-fhiachail anns a’ bhliadhna 1802 no 1803 air còir fhaotuinn dha fein air an ur-innleachd, le Litir Rìgh fhaighinn gun fhios do Mhr. Taylor, ach cha do dhuraichd e riamh a thagar gus a’ bhliadhna 1815, an uair a dh’ fheuch e ri toirt air sealbhadairean smuid-shoithichean Chluaidh suim mhor a phàigheadh air son na saorsa a ghabh iad ann a bhi ’togail agus a’ seòladh nan soithichean gun a chead-san. Chuir iad gu h-ealamh ’n a thàmh e le innseadh agus a shoilleireachadh nach b’e idir a b’ ùghdar do ’n smuid-shoitheach. Cha chuala Mr. Taylor guth dheth so gus a’ bhliadhna 1821, ’s an uair a sgriobh e g’a ionnsaidh dh’ fheuch Mr Symington ri ’bhreugadh le tairgse a thoirt dha de leth ’s a gheibheadh e. Tha e coltach gu’n do dhi-chuimhnich e gu’n robh a litir aig Mr. Taylor cho tràthail ri 20mh, August, 1787, a’ guidhe soirbheachaidh dha ’n a oidhirpean air a smuid-shoitheach fhaotainn an òrdugh. O’n àm a sgriobh Mr. Taylor, 1821, cha chluinn sinn a bheag m’ a thimchioll gu 1824, an uair a bha aois agus bochdainn a’ teannadh air. Chuir a chàirdean iompaidh air a chùis a thoirt fa chomh-air Uachdaranachd na Rioghachd. Rinn e so ag earbsa a’ ghnothaich ri Sir Henry Parnell. Cha ’n eil e coltach gu ’n d’fhuair e mòr éisdeachd, a chionn, chi sinn e ’s an ath bhliadhna a’ deanamh a ghearain ri Sir William Huskison ’s a’ faotainn mar fhreagairt, nach robh mòr dhòchas gu ’m measadh iad an innleachd airidh air a bheag de dhuais! Anns a’ bhliadhna 1826, a’s e air leabaidh a bhàis sgriobh e cunntas mion-riochdail mu gach ceum a ghabh e ann an toirt air aghaidh na h-innleachd o thoiseach gu deireadh, gun fhios nach robh an Uachdaranachd an teagamh am b’ e gu cinnteach a b’ ùghdar dhi. Mu ’n àm so chaochail e—meadhon an fhogharaidh 1826—aig ochd a’s trì fichead bliadhna dh’ aois. Is cianail r’a smuaineachadh cho beag gnùis, cothroim no ceartais ’s a fhuair an duine so a chuir an saoghal gu h-iomlan fo ’leithid de chomain. Beagan an déigh a bhàis thug fear d’ a chàirdean a chuis air beulaobh Ard-chomhairle na Rìoghachd as leth na bantraich ’s nan dilleachdan, a’ deanamh na cùise cho soilleir, dearbhta, ’s gu ’n do dheònaich iad leth cheud punnd Sasunnach ’s a bhliadhna orra ri ’m beo. Chaochail a bhean so ann am baile Dhuneideann anns a’ bhliadhna 1859. Faodar a ràdh gu ’n robh ùr-innleachd na smuid-shoitheach ’n a cadal o’n a chaidh a’ bhirsinn a chur gu siubhal aìr lochan Dhalswinton anns MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 343] [Vol. 2. No. 44. p. 7] a’ bhliadhna 1788, gus an do chuis Fulton an America ’s a’ bhliadhna 1807, agus Henry Bell air Cluaidh ann an 1812 a’ ris gu saod i. Thoisich an Comet ri ruith gu riaghailteach eadar Glaschu agus Grianaig toiseach na bliadhna 1812, ’s cha bu chadal a rinn iad an deigh sin. Anns a’ bhliadhna 1815 chaidh coig dhiubh a thogail an Albainn, ’s gnn ghin an Sasunn, agus anns a bhliadhna 1818, cha bu lugha na ochd thar fhichead dhiubh a bha a ’ruith gu siubhlach an Albainn. Is ann air a’ bhliadhna so a thoisich daoine air dol thar chuantan leo. Is ann eadar Cluaidh agus Eirinn a chuir iad a’ chùis gu deuchainn a’s air dhoibh a bhi air am faotainn ro fhreagarach, air an ath bhliadhna (1819) chaidh an cur eadar Cluaidh agus Liverpool. B’ ì an Robert Bruce a’ cheud aon a sheòl an t-slighe so. Bha i gun dàil air a leantainn leis an Superb agus am Majestic a’s le iomadh te ainmeil eile, air sàil a cheile—gach aon a’ toirt bàrr air na bha air thoiseach oirre. Anns a’ bhliadhna 1823 chaidh an James Watt a chur air an t-slighe eadar Lìte agus Lunnainn, ann an 1826 chaidh a’ United Kingdom a chur air an t-slighe cheudna. B’ i so soitheach a bu bhriagha ’s an Rìoghachd ’na latha féin. Air a’ bhliadhna 1838 thug iad ionnsaidh air Cuan Mor na h-àirde ’n Iar ’n uair a sheòl an Sirius agus an Great Western gu America. O’n àm sin tha iad a’ seòladh gu riaghailteach a null ’s a nall, a shamhradh ’s a gheamhradh. Cha ’n ’eil cuan air nach faighear iad a nis, cha ’n e mhàin a’ giulan luchd-turais, ach cuid mhor de bhathar-malairt an t-saoghail. Is iad a tha freagarrach air a shon’ ann an luathas, an téaruinnteachd, agus am meudachd; oir bha iad a’ fàs am meud mar a bha iad a’ dol an lionmhorachd. B’e fad na Great Western, 240 troidh; am British Queen, 275 troidh; an Great Britain, 322 troidh; am Persia, 390 troidh; agus mu dheireadh, a’ toirt barr orra uile, tha an Great Eastern 690 troidh air fad, no sè fad deug na Comet aig Henry Bell! Bha comas giulan na Comet air a mheas aig coig tunna fichead—an Great Eastern coig mile fichead tunna; agus tha da fhad na Comet de leud ’na clàr uachdarach. Bha cumhachd smuid-inneal na Comet air a mheas aig tri eich—tha cunhachd inneal na Great Eastern air a mheas aig deich mìle each! Cha ’n ’eil e coltach gu ’n d’theid ri r’ linn-ne soitheach a’s mò na ’n Great Eastern a thogail. Is ann a tha an stri a nis cia cho làidir, hiongalta ’s a ghabhas iad deanamh. Cha ’n e ’mhain gu ’m bheil am fiodh na ’s truime ach is ann a tha na luingis-chogaidh air an suaineadh agus air an stràchdadh thairis le iarrunn, cuid diubh còrr a’s troidh air tiughad, agus a’ cosd leth muillein punnd Sasunnach, no os cionn trì tunna òir! Làidir agus do-leonta a réir coltais mar a tha iad air an togail neo-ar-thaing mur ’eil airm-chogaidh sgriosail a’ leantainn air an sàil. Ann an coimeas do na h-innleachdan millidh cha ’n ’eil iad idir cho math ris an luireach mhaìleach ri linn a’ chlaidhimh ’s na biodaig ’s an àm ’s an do fhairtlich air a’ Ghàidheal a bhiodag a shàthadh troimh ’n t-Sasunnach ’s a thuirt e, “Mairbh-phaisg ort, a fhleasgaich, cha ’n i do mhàthair a rinn do leine!” (A’ Chrioch.) (Air a leantuinn o thaobh 3) agus tha mi ’g radh riut nach robh mi oidhche riamh cho sgith ’s a bha mi ’n oidhche ud. Chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an robh a’ ghrian an aird an athair an la’-r-na mhaireach. Fad na seachduin a bha mi ’n Glasacho chuir mi seachad a dha no tri a dh’ fheasgair anns an Exhabition leam fhin. Dh’ fhas mi mu dheireadh seachd sgith de na h-uile rud a bh’ ann, agus rinn mi deiseil air son tighinn dhachaidh. Dh’ fhag mi aig ceithir uairean ’s a’ mhaduinn, agus bha mi ann an Steornabhagh mu dheich uairean. Ged a bha an t-anamoch ann bha ’n oidhche tioram, soilleir, agus chuir mi romham gu ’n deanainn an taigh dheth mu ’n rachadh norradh air mo shuil. O’n a bha duil aig Maiai rium cha deachaidh i laidhe gus an d’ rainig mi. Bha ’m biadh air a’ bhord, agus an coire ’goil, agus cha robh aice ach an ti a chur an tarruinn. Dh’ fhosgail i am preasa, agus thug i mach am botul, ’s thug i dhomh deadh lan. Gu cinnteach bha feum agam air an deigh na cas-choiseachd a rinn mi a’ Steornabhagh. Ghabh sinn an sin an ti, agus chaidh sinn a laidhe. Feumaidh mi radh gu ’n d’ fhiosraich mi mor-chaoimhneas o gach neach ris robh gnothuch agam fad ’s a bha mi o’n taigh; ach cha do thachair aite rium a chord rium cho math ri mo thaigh fhin. Cha mho a chuireas mi neach fo ’n ghrein an coimeas ri Mairi—cha chuir m’ aon mhac ged is mor mo ghaol air. ’S e taobh mo theine ’s bean mo ghaoil, ’S e taobh mo theine fein; Cha choimeas mis’ aon ait’ san t-saogh ’l, Ri taobh mo thein fein. IAIN. (A’ Chrioch.) Leighsidh Minard’s Liniment Losgadh. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’s e cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. [TD 344] [Vol. 2. No. 44. p. 8] Daolag a Bhuntata. FONN.—Failte dhuit is slainte dhuit. Thog mo nabuidh daolag neonach, ’S slige bhoidheach air a druim; ’S thuirt e, seall mu d’ chuid buntata No chan fhag i agad greim. Fag sinn, is gum b’ eiseil dhuit Thar gach beist a tha san tir; Fag sinn, is gum b’ eiseil dhuit, Teich ad leum ’s na dig a risd. ’S tus’, a bheist, a dh’fhag an t-alach Tha gun aireamh linn air linn; Bha do theaghlach, mun d’ ruith gealach, Buidhe, ballach, feadh a ghlinn. Dhuraiginn iad anns an fhairge, Thanig iad mar arm ’s cha till; ’S culidh sgreimh’ a dhol gam marbhadh. Thig gaor gorm asda na still. Chaidh sinn uile ’mach le cumain Chum an cruinneachadh nan tor, ’S chuir sinn fallus dinn a cromadh ’S sinn gan togail leis na meoir. Ach nuair fhuair mi iad an ath-la Anns na barribh gu neo-ghann Dh’ fhalbh mi agus thug mi cuirm dhaibh Air deagh ghuirmein * as an Fhraing. Nuair thig tubaiste thi’g clibist, Mar tha ’n sean-fhacal ag radh, Leis a phuinnsean ghuineach Fhrangach Fhuair na gamhn’ agam am bas. ’Nis le dorran is le tamailt ’S gann nach tairinn as an tir’ Mur a bhi gu bheil mo nabuidh ’Sa cheart chas sa bheil mi-fhin. Tha ’m buntata ’nis gun tail ann ’S gheibh na ceannaichean an ’gran: Och, nach leibideach an obir A bhi’ togail rud air dail. Ach ma bhios mi beo an ath-bhliadhn Ni mi callaid dhaingeann, ard, Nach leag tarbh a th’ air an t-saoghal ’S gheibh na daolagan an sath; Gheibh iad puinnsean air muin puinnsean Gus an ionnsich iad deag bheus; ’S mis’ am fear nach brisd mo chaoldraim Feadh nan raointean as an deigh. D. * Paris green. BHA crith-thalmhainn mhor ann a Venezuela, an ceann a deas America, air an 29mh. la de dh’ April. Cha ni annasach sam bith anns an dùthaich sin crith-thalmhainn, ach tha e air a radh gu’m b’ i so aon bu mhò rinn de chall na gin a thainig o chionn dlùth air ceud bhiadhna. Cha d’ fhuaradh cùnntas ceart fhathast, ach tha e cinnteach gu robh miltean sluaigh air am marbhadh. Anns a chrith-thalmhainn a bh’ ann ’s a bhliadhna 1812 mharbhadh fichead mile dhe’n t-sluagh. Leighsidh Minard’s Liniment Carr. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 345] [Vol. 2. No. 45. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 2, 1894. No. 45. As na h-Eilleanan Coille E. P. I. A MHIC TALLA GHRADHAICH, AGUS A DHEARBH CHAIRID NA GAILIG,—S’ fad on dà latha sin. Ach a nis bho’n tha ’n geamhradh doirbh a bh’ aginn air dol seachad agus an Samhradh lusanach neòineanach air tighinn na àite, faodaidh gu’m bith cuid do ’r luchd leubhaidh a dichuineachadh gu ’m feud geamhradh eile nach bi dad air dheireadh air a bhi a tighinn òirnn na àm maith agus iomchuidh féin. Agus is docha gur beag fios a tha aig moran do ’r luchd leubhidh air ciod iad na diachuinnean a bha aig cuid do na thàinig a mach do na dùchannan so bho chionn ceitheir fichead no ceud bliadhna roimhe so; agus a chum ’s gu’m bi fios ac’ air agus gu’m feud iad pairt dheth a thuigsinn, ma cheadaicheas sibh dhomh feudaidh mi sgeula beag firinneach innseadh a thachair anns na h-Eileanan Coille so fein far an d’rugeadh ’san d’ àricheadh ur comh-sgriobhaiche. Agus tha mi nis air còrr is aona-bliadhna-deug agus tri fichead a chuir às mo dheadhaidh. Sann fada mu ’n do rugadh mi a thachir an ni mu ’m bheil mi dol a labhairt. Gle fhaisg air ceud bliadhna air ais, a cheud dithis dhaoine a thàinig a thuineachadh anns na h-Eilleanan Coille sann a Uidhist a chinn a deas a thainig iad; b’e Ruaridh MacIllealain ainm an darra fir agus Callum Mac Isaic am fear eile. Bha Callum pòsd aig pìuthar Ruairidh agus anns an am cha robh duine a tuineacheadh mar uidhe chòig mìle dhoibh. Bha Ruairidh na dheadh sgoileir, agus cha robh smid aig Callum. Bhiodh iad ag obair comhla an am a bhi leagadh nan craobh, s’ gan toirt as an talamh latha ma seach thall sa bhos, ach cha deanadh Ruairidh car, ach cleochd ùime, uair na sheasamh s uair na shuidhe ag ionsachadh Challum mar bu choir dha n obair a dheanamh. Eatorra féin bha iad cùnntas Ruairidh cho fad air thoiseach air Callum ann am foghlum agus gum be a bhiodh a beothachhadh teine nuair a thuiteadh dha dol as san oiche gheamraidh; mar so bha cùisean a dol air adhart maith gu leoir cho fad agus a bhiodh na fir réidh eatorra féin ach cho luath ’sa rachadh iad far a chéil, cha n ionnsaicheadh Ruairidh dad do Challum ’s cha mho a bheothaicheadh e ’n teine dha. Agus mar a bha ’n tubist an dan, air an am bu chruaidhe do’n gheamhradh, thuit dhoibh a bhi mach air a chéile, agus oiche da na h-oicheannan chaìdh an teine as air Callum. Sann le spor us cruaidh a bhiodhte lasadh an teine ’s cha robh aon seach aon aig Callum ’s ged a bhiodh, cha b’ aithne dha feum a dheanamh dhìubh, ’s cha robh faum sam bith dol gu Ruaridh. An nabidh a b’fhaisge air bha e coig mile bhuaithe agus mar thuirt mi roimhe gun rathad mor ach ri cois a chladich thar gach deigh us sneachda agus ùpraid dheth n t-seòrsa sin, agus air réir coltais am fuachd far tomhais, oir’ nuair a dh’ éirich Callum sa chunnic e gu ’n robh an teine air dol as, cha robh ach lamh a thoirt air na mogaisean agus mar a thuirt am bard MacGilleain nach maireann, iad “mar chaidh an rùsgadh dhe’n bhrùid a de,” ach gu mifhortanach bha iad sin reothadh cho cruaidh ris an spor a bhiodh aca ’deanamh an teine, agus bha iad air droch chumadh ’s cha b’ urrainn dha an cur uime. Cha robh fios an so gu de dheante, ach ged a bha Callum boch gun sgoil rinn e an rud a’ b fearr a dh’ fhaodadh e agus b’ e sin na mogaisean a thoirt leis don leabaidh agus fuirach an sin gus an d’ thainig aiteamh orra agus ’nuair a fhuair e uime iad cha robh ach falbh le poit an rathad a thuirt mi cheana ri taobh a chladich gu aite Fhionnlaidh Mhic Rath ann an àite ris an abradh iad an “Rudha Mor” agus an teine thoirt dhachaidh a sin. S’ maith a b’ aithne dhòmhsa na daoine le chéile agus an cuid theaghlaichean: b’ aithne dhomh moran de na ceud dhaoine a bha tighinn a mach as an t-seann dùthaich, agus tha mi gle eòlach air na deuch-ainnean troimh ’n deachaidh iad. Ach ’s math gu bheil cùisean air atharrachadh bhuaithe sin. An la chi ’s nach fhaic ’s mise ur caraide. SEUMAS A. MAC-ILLE-MHAOIL. Gailig Dhomhainn. FHIR-DEASACHAIDH,—Is briagh’ a’ bhàrdachd a th’ air “Moladh Beinn Dòrainn,” ach s’fheudar domh àideachadh gu bheil Gàilig air pàirt de nach ’eil siorhh ri thuigsinn aig sgoilear cumanta mar tha mi fhin. Bhithinn ro-thoilichte na ’n innseadh sibh féin no sgoilear Gàilig air choir-eigin coid is ciall do na facail a leanas:—Cuile, foineasach, caidhtiche, foghlaichean, mothaichean, usgraichean, daimseir mearrachdasach, ain-fheasabh, earraigeach. Bithidh sùil agam ris na facail so fhaicinn air am mineachadh ’an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Is mi ur caraid. D. D. Air latha breith na banrigh, fhuarr ceathrar no choigear de dh’ uaislean Chanada coir air ‘Sir’ a chur roimh ’n ainm, agus bha àireamh eile, aig an robh sùil ris an onair, nach d’ fhuair i. Ach cha’n eil aca sin ach foighidinn mhath a bhi aca. Tha e air a radh gu faigh foigbidinn furtachd. THA Marsantan Bhaddeck, air son ceartas a thoirt d’ an cuid chléireach, a cur rompa na stòraichean a dhùnadh aig seachd uairean feasgar, (7 p. m.) na h-uile Di-miair us Dior-daoin, fad shia miosan. Tha’n riaghailt so a tòiseachadh aig toiseach a mhios so. ANN a Winnipeg, air an naodhamh latha dhe’n Mhàigh, chaochail bean Iain Roberstain, mighean do Mhurachadh Mac-Fhionghain, Roseburn, C. B. Cha d’ rinn i ach posadh toiseach na gheamhraidh. Chaochail i ann a caitheamh a thug i a droch fhuachd a ghabh i. Cha robh i tinn ach ùine ghoirid. [TD 346] [Vol. 2. No. 45. p. 2] CLN -NEILL BHARRA. 1. Tha e làn chinnteach gum b’e Murchadh Mac-Nèill triath Chlann-Nèill Bharra mu’n bhliadhna 1350. Tha cuid ag ràdh gum b’ e Murchadh so an còigeamh Mac-Nèill air fhichead aig an robh Barra. Tha cuid eile ag ràdh nach h-fheil dearbhadh aginn gun robh còir aig Clann-Nèill air Barra roimh ’n bhliadhna 1427. Tha a h-uile duine ag aideachadh gun robh Clann-Nèill ann am Barra roimh ’n bhliadhna sin. 2. Phòs Ruari Mac Mhurchidh nighean do dh-Fhearchair Mac-Gilleain, tighearna Ghlinn Urchadain. Bha Gilleònan agus mic eile aige rithe. 3. Fhuair Gilleònan còir bho Alasdir Mac-Dhòmhnuill, tighearna nan eilainean, air Barra agus air Baodhasdal ’sa bhliadhna 1427. Anns a chòir so, a tha air a sgriobhadh ann an Laidinn, theirear ris “Gilleonan Roderici Murchardi Makneill,” ’s e sin Gilleònan mac Ruari mhic Mhurchidh Mhic-Nèill. Chan fheil fhos agam c’ ainm a bha air athir Mhurchidh, ach tha e air a radh gum bu mhac e do Niall Og, mac Nèill, mac Mhurchidh. Chaidh Gilleònan a mharbhadh aig Grisipul an Cola ann am blàr a bha eadar e féin is Iain Garbh, tighearna Chola. 4. Dh’fhàg Gilleònan mac a thànig na àite mar uachdaran air Barra. Cha’n fheil fhios agam c’ ainm a bha air, ach ’s e a’s docha gur h-e Ruari, ainm a sheanar. Cha robh e ’na chleachdadh aig na sean Ghàidhil a bhi a toirt ainm mu seach am mach, aon ainm airson cuideachd an fhir is ainm eile airson cuideachd na mnatha. Bha iad a creidsinn gum bu leotha fhèin a bhean ’s a chlann ’s gum faodadh iad an t-ainm a thogradh iad a thoirt air an cuid cloinne fhéin. Ach nan deanadh daoine sin an diugh gu de a thachradh? C’ àit a bheil te anns an linn so a phòsadh fear mur a biodh i cinnteach gun rachadh ainm a h-athar a thoirt air a darna mac? Faodidh e a bhi gur h-ann mar sin ’bu chòir do chùisean a bhi, ach co-dhiù is ann no nach ann feumar moran a dheanamh air sgàth na sithe. Ge b’ e c’ ainm a bha air mac Ghilleònain, bha mac aig air an robh Gilleònan. 5. Tha iomradh aginn air Gilleònan, tighearna Bharra ’sa bhliadhna 1493 agus ’sa bhliadhna 1517. Bha e fhéin is Lachinn Catanach, triath Dhubhairt, nan càirdean mathar. 6. Tha e gu math cinnteach gur h-e a mhac a thàinig a staigh air Barra an àite Ghilleònain, agus tha e cuideachd gu math cinnteach gur h-e Ruari a b’ ainm dha. Bha mac aig an fhear so air an robh Gilleònan. 7 B’ e Gilleònan tighearna Bharra sa bhliadhna 1545. Tha cuid ag ràdh gun gabh Clann-Nèill Bharra sloinneadh air ais fear an déigh fir gu Niall Glùn-dubh, righ ainmail a bha an Eirinn. Chan urrinn mise an sloinneadh air ais le làn chinnt nas fhaide na Mhrchadh, am fear aig an do thòisich mi. Ach nam biodh duine ann a shloinneadh air ais iad bho Mhurchadh gu Niall Glùndubh shloinninn fhin iad bho Niall Glùn-dubh gu Noah, agus shloinneadh duine sam bith iad an déigh sin gu Adhamh. Bho chionn da cheud bliadhna bha déidh mhòr aig na tighearnan Gàidhealach air iad-fhèin a shloinneadh air ais gu righrean. Bha iad an dùil gun deanadh iad mar sin fior dhaoin’ uaisle dhiu-fhèin. Bha fuil rìoghail gu leòir ann an Duic Uilleam, ach chan fhaca mise Gàidheal riamh a dh’iarradh gum biodh e comasach air a ràdh gum b’ e Diùc Uilleam seanair a sheanar. Chaidh Niall Glun-dubh a mharbhadh ann am blàr sa bhliadhna 917. A réir sean eachdridh Eirionnach a tha agam thànig aithrichean Nèill an deigh a chéile mar so:—Noah, Iaphet, Magog, Baath, Fenuis Farsa, Niall a bha na fhear-teagisg ainmail an Eirinn ri am Mhoise, Gàidheal Glas, Esru, Sru, Eibher Scot, Breoghamhan, Eoghamhan, Tath, Aghnomhan, Lamhfhionn, Eibher Glun-fionn, Febhrigh Glas, Nenual, Nuadhath, Alloid, Arcadh, Deghatha, Bratha, Breoghan, Milidh, righ na Spàine, Erimhon, Trial, Ethrial, Follamhan, agus mar sin air aghìdh. B’e Milidh an coigeamh fear air fhichead bho Noah, righ an t-saoghil, agus b’ e Nìall Glun-dubh an tri ficheadamh fear ’s a coig bho Mhilidh, righ na Spàine. Tha eagal orm gum biodh e duilich a dhearbhadh gur h-ann san Spain a rugadh Milidh. Tha mi car dhe ’n bheachd gur h-e sean Seanachaidh Eirionnach a b’ athir dha, agus gun dug e bith dha leis an fhacal Laidinn miles, saighdear, a thionndadh gu Mìlidh ann an Gàidhlig. Tha fear de na bàird ag radh mu Mhac-Neill Bharra,—“Gur mac treun thu ’shliochd righ Eirinn.” Faodidh sinn a chreidsinn gun robh Mac-Neill na dhuine treun agus gun robh fuil ann a cheart cho ghlan, cho blàth, ’s cho math ’s a bha ’n righ Eirinn, ach gu de am bonn a tha aginn gu chreidsinn gun robh e de shliochd righ Eirinn? Chan abir mise nach robh, ach mun abir mi gun robh bu mhath leam dearbhainnean air a chuis a bhi agam fo m’ làimh. Tha mi gu làidir dhe ’n bharail gur h-e Gàidheil Albannach le beagan de dh-fhuil Lochlannach annta a tha ann an Clann-Nèill. A. MACGILLEAIN SINCLAIR. Am Madadh-allaidh agus an t-uan, Air latha bruthainneach, teth, thuit do mhadadh-allaidh agus do uan tighinn aig an aon àm a chasgadh am pathaidh à sruthan soilleir, glan a bha a’ ruith gu bras a nuas aodann beinne. Sheas am madadh-allaidh air àite ard, agus an t-uan astar math uaith shios an sruth. Ach air do’n mhadadh-allaidh toil a bhi aige cur a mach air an uan, dh’ fheòraich e dheth, dé bu chiall da ’bhi ’cur an uisge troimh-chéile agus ’ga fhagail cho salach nach b’ urrainn dàsan ’ol; agus aig a’ cheart am a’ tagradh diolaidh. Bha an t-uan bochd air chrith le eagal ’n uair a chual e bagraidhean a’ mhadaidh-allaidh agus thubhairt e ris, am briathraibh cho ciùin ’s a b’ urrainn da, nach robh e comasach dhàsan a bhreathnachadh ciamar a ghabhadh sin a bhith; a chionn, an t-uisge a dh’ ol e gur ann a ruith e nuas g’a ionnsuidh o’n mhadadh-allaidh, agus uime sin nach b’ urainn gun robh e air a chur troimh-cheile cho fada suas an sruth. “Bitheadh sin mar a thoilicheas e” arsa ’m madadh-allaidh, “cha ’n ’eil annad ach an sloightire, agus chaidh innseadh dhomh gun robh thu ’g am chul-chàineadh o cheann mu thuaiream leth-bhliadhna.” “Air m’ fhocal,” ars’ an t-uan, “bha an t-àm a dh’ ainmich thu m’ ann do rugadh mise.” An uair a chunnaig am madadh-allaidh nach robh feum dha cathachadh n’ a b’ fhaide an aghaidh na firinn, chaidh e ann an corraich fhuathasach a’ donnalaich agus cobhar m’ a bheul mar gu ’m bitheadh e air a’ chuthach. “A gharraich,” ars’ esan, agus e ’tighinn n’ a bu dlùithe air an uan, “mar tu féin ’s e t-athair a bh’ ann, agus is e an aon chuid e.” Le sin rug e air a’ chreutair lag, neo-chiontach, bhochd agus shlaod e as a cheile na leòpan e. [TD 347] [Vol. 2. No. 45. p. 3] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VII.—Air a leantuinn. Bha Gràdh-air-Beatha air an daorìch agus bhitheadh e na chulaidh abhachd air a chlàr-uachar: ach phut Simon Magus sios a staidhir, chuir e an leabaidh e agus tra bha Gràdh-air-Beatha na chadal, ghlac e na bha dh’ airgiod air bord, agus air dha aon Alecsander, ceard-umha’ ghairm, rinn e malairt ris airson buinn àraidh ris an abradh iad Cuibhreach na h-Eucorach. Ghabh e ’n sin sgiobaireachd “Aidmheil on taobh a muigh agus air dha thuigsinn bho. Alecsander gu robh meinn òir aig tàobh cùil an eilein rùnaich e sheòladh da ionnsuidh air dha fios bhi aige na ’m bitheadh airigiod ra fhaotuinn-cha bhitheadh diù aig Gradh-air-Beatha cuin a sheoladh iad air chumha nach bitheadh cunnart, oir se gealt air bha ann a’n Gradh-air-Beatha nis do bhrigh gu robh “Sgeul a mhor aoibhneis” dluth dha “Aideachadh a muigh,” chuir Simon Magus faìlte air Criosduidh, oir bha e iarrtanach bhi fo theist mhaith aig na h-uile neach; Tuilleadh fòs thainig e air bòrd, agus dh-feuch e gu cruaidh ri aonta fhaotuinn gu dol air tòir a mheìnn oir, ach thubhairt Criosduidh: Fhuair mi gu leòr de shireadh oir bheirinn mo lamh dheas mur ro mi riamh air Riarachadh Saoghalta fhaicinn.” “Bi Samhach! Bi Samhach!” arsa Simon Magus, “ma gheabh sinn òr faodaidh tu soitheach a cheannach bhitheas a dha mheud ri’ “Sgeul a mhor Aoibhneis”—a tha na mo shealladh-sa co dhiu breoite agus sean-fhasanta.” Fhreagair Criosduidh. “Ghiulain an Soitheach mise an fhad so ann an tearuinteachd, agus ’sann agam féin bhitheas a choire mar guìlain i sabhailt mi gu tir a gheallaidh.” An dochas Criosduidh thoirt a thaobh thairg Simon Magus airigiod do Chriosduidh; ach thubhairt Criosduidh ris: Gu rachadh t’ airgiod am mugha maille ruit fièn,” agus dh’ àithn e na siuil a chuir ris an t’ soitheach. Air dha Simon e fein fhaotuinn gun spéis chaidh e air bòrd “Aideachadh o’n taobh a Muigh.” Nan robh Criosduidh air eisdeachd ris, cheannaicheadh Simon Magus gu toileach earrann de “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” (Ri leantainn.) MARBHRANN a rinneadh le bean Neill ’Ic Coinnich, air bàs a peathar, bean Ruairidh ’Ic Leòid, Ach a Mharsailidh, a luaidh, Chaidh thu chum na dachaidh bhuan. ’S ged a sheasainn-sa aig d’ uaigh, Cha ghluais agus cha chairich thu. ’N uair thàinig am bàs mu ’n cuairt, Thug e caochladh air do shnuadh, Chaochail do shùil is do ghruaidh, Och, mo luaidh air Marsailidh! Chuir iad am pasgadh thu ’rùin Ann an ciste nam bòrd dlùth, Ann an léine ’n anart ùr, Oh, mo rùn air Marsailidh. Chuir iad an sin thusa luaidh, ’N uchd na ban-altrum bhuar Ris an canair, an uaigh, Oh, mo luaidh air Marsailidh. Sud an naigheachd a bha cruaidh, Thàinig thugam-sa o’n tuath; Gu’n deachaidh a cur ’san uaigh, Sgeula cruaidh mu Mharsailidh. Chaidh mise ’choimhead a nùll Ràinìg mi ’n cnoc ’san robh thu, Sibh ’n ur sineadh tùbh ri tùbh, ’S an ùir air a cur thairis oirbh. ’N uair a nochd mi ris a ghleann, Bu mhor mo mhulad ’san àm; Fios agam nach robh thu ann; Oh, mo gheall air Marsailidh. ’Nuair a tháinig sinn aig uair, ’Se do chaochladh bha leam fuar; Ged chaidh solus a chur suas, Cha’n fhac mi mo luaidh Marsailidh. Oh gur mise tha fo bhrón On a chuir iad thu fo’n fhòd ’S nach fhaic mi thu ’n tir nam beò ’S nach cluinn mi còmhradh Marsailidh, ’Sann na d’ chridhe a bha ’n gradh Riamh nach d’ fhuair mi ann an càch, Chaill mi ’n caoimhneas us am blàths B’ ábhaist a bhi ’m Marsdalih. Moladh gu robh gu bràth Do’n Ti thug buaidh air a bhàs, Dh’ éirich e suas an treas lá A Pháras, ’s tha e fantuinn ann. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT C. SAUNDERS. Dalhousie. Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, le MINARD’S LINIMENT. ED. LINLIEF. St. Peters, C. B. Leighis mi droch at air each le MINARD’S LINIMENT. THOS, W. PAYNE. Bathurst, N. B. CHAIDH soitheach le daoine mhuinntir Shidni a Tuath a ghlacadh ann an Cuan Bhehring o chionn ghoirid air son a bhi ’glacadh ròn gu mi-laghail. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 348] [Vol. 2. No. 45. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna,.... $1.00 Sia miosan,.... .50 Tri miosan,.... .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 2, 1894. Seann Ghailig. Tha àireamh de luchd-leughaidh a MHAC-TALLA deidheil air seann eachdraidh, agus air son math ua muinntir sin, tha sinn an so a toirt dhaibh sgeulachd bheag mu Chalum-Cille. Tha treis mhath o’n chaidh a sgriobhadh,—a mach ’sa stigh mu ochd ceud blìadhna. Co a sgriobhas dhuinn ann an Gailig an latha ’n diugh i? “Columcille acus drostàn mac cùsgreg adàlta tangator àhì marroalseg dìa doìb gonìc abbordobòir acus béde cruthnec robomormàer buchan aragìnn acus essé rothìdnaig dòib ingathràig sàin insaere gobraìth òmormaer acus òthòséc. tangator asààthle sen incathraig ele acus doràten ricolumcille si iarfallàn dòrath dé acus dorodloeg arinmormàer i bédé gondas tabràd dò acus nìthàrat acus rogab mac dò galàr iarnéré na gleréc acus robomaréb act màdbec iarsén dochùìd inmormàer dattàc na glerec gòndendaes ernacde les inmac gondisàd slànte dò acus dòrat ìnedbaìrt doìbh uàcloic intiprat gonìce chlòic pette mic garnàit doronsat innernacde acus tanic slante dò; Iarsén dorat collumcille dòdrostàn inchadràig sén acus rosbenact acus foracaib imbrether gebe tisad ris nabad blienec buadacc tangatar deara drostàn arscarthàin fri collumcille rolaboir collumcille bedeàr anim òhùnn ìmàcc; Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-air eile. S tha e ’gan creic gle shaor. Tha’n stor a bha roimhe so air a cumail le C. S. Jost & Co., a nis aig Jost Brothers. Tha stoc mor de bhathar ùr aca, agus tha sùil aca ri toilleadh a h-uile latha. Tha sùil aca cuideachd uinneagan ùra chur ris an stòr an ùine ghoirid. Thaghail duine còir againn an la roimhe agus, air dha dollar a thoirt dhuinn air son a phàipeir, thuirt e, “Ge de ni thaobh nam paipearan Beurla, cha dhiochuimhnich mi am paipear Gàilig. Ma thig dith no deireas air, cha bhi dad dhe’n choire agamsa.” Feumaidh sinn ar leisgeal féin a ghabhail air son am paipeir a bhi cho anmoch a tigh’nn a mach air an turus so. ’Nuair a bha sinn direach deiseil gu toiseachadh air clo bhualadh a phaipear maduinn Di-sathairne, chaidh na litrichean ’nam brochan oirnn agus chuir sin am paipear air ais da latha, ged a rinn sinn gach cabhag a dh’ fhaodamaid. BHA ’m miosa Céitein gle fhuar o thoiseach gu deireadh. Cha robh thar dha mo tri lathaichean dheth ris am faodte lathaichean samhraidh a radh. Ach thng an t-Og-mhios a stigh side bhreagha, bhlàth, agus frasan tioma de dh’ uisge, rud air an robh an talamh tioram glé fheumach. Tha nise rudeigin de dhreach an t-samhraidh air tighinn aig ann dùthaich; tha na craobhan a tigh’nn fo bhlàth, agus tha na machraichean cho gorm ’sa dh’ iarramaid. GNIOMH OILLTEIL.—Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, bha bean Thearlaich Jackson, Upper Economy, N. S., aig an tigh a toirt an aire do’n chloinn, leanamh beag air a chich, nighean bheag aois cheithir bliadhna agus gille, aois shia bliadhna. Bha tobar cladhaichte ri taobhh an taighe agus dh’fhosgail i e, ’s thilg i an nighean ’s an gille sios ann. Ruith i an sin gu tigh nàbaidh, agus dh’ innis i ciod a rinn i. Gun dàil sam bith, chaidh àireamh dhaoine ’thoirt na cloinne as an tobar, ach mu’n d’ fhuair iad sin a dheanamh bha iad air am bàthadh. O chionn dà bhliadhna dheug roimhe so, bha Mrs Jackson anns an tigh chaothaich, ach chaidh i na b’ fhearr ’s cha d’ fhairicheadh dad cearr oirre gus a so. Bha i ’g radh ri ban-nàbaidh dhi gu robh roimpe ’n triùir a bhàthadh ach ’n uair a rug i air a phàisde bheag, nach b’ urrainn dhi beanalt dha. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Biale-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 349] [Vol. 2. No. 45. p. 5] NAIDHEACHDAN DH’FHALBH an soitheach Frangach as an acarsaid maduinn Dior-daoin. THA’N runnach gu math pailt mu na cladaichean an dràsda agus tha na h-iasgairean glachadh roinn mhath. THA duine ann an San Francisco ag iarraidh a bhean a chur air falbh, agus ’s e ’n t-aobhar a th’ aige bhi ’g iarraidh sin gu bheil e dh’ fhasan aice bhi ’dath a fuilt. THA co-thional Baile-nan-Gall an déigh gairm a thoirt do’n Urr. A. J. Domhnullach, foghlumaich òg, tapaidh a mhuinntir Malagawatch. Tha e ri bhi air a phòsadh ris an eaglais Di-ciaduin. BIDH moran duilich a chluinntinn mu bhàs Chaiptein Ruairidh Camaran a Charlottetown, E. P. I., a bha iomadh bliadhna air an t-soitheach-smùid St. Lawrence, eadar am baile sin agus Pictou. THA’N sgoil sheinn Ghailig a bh’ aca ’m Baddeck air dùnadh, agus tha gach aon làn riaraichte leis mar a chaidh i leòtha. Tha ’n deagh mholadh ac’ air an fhear-teagaisg Mr. Seumas MacLeoid. Tha ’n sgoil ri bhi air a fosgladh as ùr toiseach a gheamhraidh. ANN an Japan tha ’n lagh anabarrach cruaidh air na paipearan-naigheachd. Tha na fir-deasachaidh air an cur do’n phrìosan cho tric, ’s gu bheil a nis aig gach aon de na paipearan a’s beairtiche fear anns an oifig ris an abrar deasaiche a’ phriosain. Cha ’n eil cuirein aig an fhear sin ri dheanamh ach a dhol dh’ an phrìosan a h-uile uair a chuirear càin air a phaipeir. BHA ’m miosa céitein glè fhuar o thoiseach gu deireadh. Cha robh ach tri latha dheth ris am faodte làithean samhraidh a ràdh, an ceathramh latha fichead agus an dà latha mu dheireadh. Bha sinn an dòchas gu’m bi am mios so na’s fàbharraiche do’n dùthaich. Bha ’m fearann a fàs gle fheumach air uisge, oir bha tiormachd ann a nis o chionn àireamh sheachdainean. Bàs MULADACH.—Chaidh tuathanach da’m b’ ainn Alasdir Smith a mharbhadh aig Gleann an Dathadair, am Mabou, Oiche Di-sathairne. Dh’ fhàg e Drochaid Mhabou gus a dhol dhachaidh mu naoidh uairean ’san oiche. Bha each us cairt aig, agus lòd de fhlùr ’s de mhin. ’Nuair a bha e dol seachad air pios dhe’n rathad aig an robh bruaich chas, chaidh an t-each an darra taobh agus chuir e e-fhéin ’sa chairt leis a bhruthaich. Chaidh a chairt thairis air muin an duine, agus réir gach coltais chaidh mharbhadh air ball. Fhuaradh a chorpanath mhaduinn. Bha e air a thiodhlacadh Di-luain. THA Tigh-Osda Shidni ri bhi air fhosgladh Diordaoin s’a tighinn. Tha cuirm mhor ri bhi aca aig an fhosgladh. THA e air a radh nach eil latha ’dol seachad anns na Stàitean gun duine bhi air a chrochadh gun chùirt, gun lagh. Agus mar a’s trice ’s e duine dubh a bhios ann. THA’N cholera air bristeadh a mach a rithrist ann an Ruisia. Tha beagan dhith anns an Fhraing agus ann am Belguim cuideachd. Tha eagal orra gu bheil i dol a sgapadh na’s miosa na rinn i ’n uiridh. THA gille beag, aois tri bliadhn’ deug, agus piuthar dha, aois aona bliadhn’ deug, anns a phriosan ann an Hungary air son an athair a mhurt. Chuir iad crioch air ’s e na chadal, agus dh’ fhalaich iad a chorp anns a choille. THA méinneadairéan Phennsylvania gun a dhol a dh’obair fhathast. Chuir iad fhéin ’s na maoir cath an là ròimhe anns an deachaidh triùir a mharbhadh agus siathnar a leonadh. Tha ceithir mile fichead dhiubh ’nan tàmh ’s a chuid as mo dhiubh air an càradh gle bhochd. Iarr Minard’s Liniment ’s na gabh ach e. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 350] [Vol. 2. No. 45. p. 6] RARSAIDH. Tha àireamh mhath de luchd-leughaidh a MHAC-TALLA aig a bheil dàimh ris an eilean bheag so mar an t-àite anns an d’ fhuair iad fhéin, no mhuintir o’n d’ thàinig iad, am breth ’s an àrach. Mar thachair do iomadh cearn eile de Ghàidhealtachd Alba, tha muinntir Rarsaidh gle sgapte. Tha e nàdurra agus ceart gu’m biodh taobh aca ri tir an dùchais. Coltach ris a chuid eile de na h-eileanan an iar tha an t-eilean so àrd, creagach. Ach tha roinn mhath de fhearann àitich ris na cladaichean agus suas anns na glìnn bhòidheach fhasgach a tha ruith a stigh gu cridhe na dùcha eadar na beanntaibh. ’S e Dun-Canna bheinn is àirde air an eilean. Tha i sud ag éiridh suas gu corrach 1456 troigh as ceann na mara, le lianaig chomhnaird na fior mhullach far a’ bheil, gu h-iongantach, fuaran uisge aig éirigh. ’Nuair nochd mi ris na h-eileanan an iar ’s mi air bòrd na smuid-shoitheach a tighinn nall an linne o’n t-Stròm, b’i so a cheud bheinn air ’n do ghabh mi beachd. “Innis dhomh ainm na beinne guirme ud mu m’ choinneamh,” arsa mise ri fear a bha na sheasamh maile rinn air a chlar-uachdarach. “Sud” ars esan “Dùn Canna. An Dùn air an laidheadh na caoraich, Dùn gaolach Mhic Gille Challaim.” Tha nis dà fhichead bliadhna ’s a h-ochd o’n chaill Mac Gille Challum Rarsaidh. Tha e air a ràdh gu’n robh an t-eilean fad còig ceud bliadhna aig an teaghlach so, mar an robh an còrr. Gidheadh cha n’ eil cho fad sin o’n bha cheud uachdaran Leòdach air Rarsaidh, aig an robh còir air an eilean da fhéin. Fad iomadh linn bhuineadh an t-eilean do Chloinn Leòid Leòdhais. Agus bhiodh an t-uachdaran Leòdhasach a cur aon de chuid mac a riaghladh ann an Rarsaidh. Ach thug Gille Callum, 9mh uachdaran Leodhais, làn chòir air Rarsaidh mar sheilbh dha fhèin do Challum Garbh an dara mac bu shine aige. Thachair so mu thoiseach na seathamh linn deug. Mar sin b’ e Callum Garbh cuchuead ahdaran Leòdach aig an robh còir air dean liahone as féin. Tràth ann an eachdraidh nan Garbh Chrioch ’s n[?] thàinig an fhine Leòdach gu bhi iomaiteach. Mu thoiseach na ceathramh linn deug bha fear da ’m ainm Leod na uachdaran ann an Gleanneilg. Phòs e nighean do Mhac Raonuill, Lochlunach mor da ’m buineadh Dun-bheagain aig an am ud. Fhuair Leod stiall mhath de ’n eilean Sgiathanach le Nic Raonuill. Bha dithis mhac aige. Tormoid a mac bu shine, a bha na oighre air athair an Dun bheagain ’s anns na h-earradh. Torcull an dara mac, a fhuair còir air Leodhas. ’S e so is aobhar gun cainte Sìol Thorcuill ri Leòdaich Dhun-bheagain agus na h-Earradh. Mar so b’ e Mac Leoid Dhun-bheagain an Ceann-cinnidh. Bha e air ainmeachadh cheana gur ann bho theaghlach Leòdhais a tha teaghlach Rarsaidh a mach. Agus do bhrigh ’s gum bu mhac a cheud aon de ’n teaghlach do Gille Callum Leodhais, theirte Mac Ghille Challuim ris, agus clann Mhic Gille Challuim ris an teaghlach uaithe sin a mach agus Tir ’ic ’ille Challuim ri Rarsaidh is Ronaidh. Bha e mar un ceudna na chleachdadh a bhi ag ainmachadh an oighre, rè beatha ’athair, air Ronaidh, mar tha oighre chrùin Bhreatunnaich an diugh, air ainmeachadh air Wales. ’S iomadh ni oillteil a thachair, anns a Ghaeltachd anns na linntean a dh’ fhalbh. ’S mor an t-aobhar taingealachd an caochladh a ghabh aite measg sluaigh o’n am ud. Agus tha sin fior a thaobh Ghall agus Shasunnach mar tha e fior a thaobh nan Gaidheal. Ach gun teagabh tha sinn ag aideachadh gu’n robh na Gaidheil anns na h-amaibh ud, ‘ro ainealach dall.’ Bha moran diubh air nach robh eagal Dhé no dhaoine. Thachair ni ri linn Alastair, an dara Mac Gille Callum ’tha cur solus air staid na Gaidhealtadhd anns na h-amaibh ud. Bha droch dhuine mhuintir Ghearrloch, ris an cainte Ruairidh Niomhnach, a bha ’n dlùth dhàimh do theaghlach Rarsaidh agus do theaghlach Gheanloch. Ann an rùn gum faigheadh e fèin agus a chuid mac a stigh air an da oighreachd sin chuir e roimhe cur as da gach mac màthar de’n da theaghlach. So mar bha, thug e cuireadh dhaibh gu fleadh mhor a dh’ ulaich e air eilean beag an àite iomallach. Nuair a fhuair am murtair cruinn iad an sin chuir e gu h-an-iochdmhor an gniomh an ni bha na rùn. Cha deachaidh duine as de theaghlach Rarsaidh ach aon leanabh gille air nach d’ fhuaradh graim. Thainig an sin mac Ruairidh Niomhnuich ’s ghabh e seilbh air an eileam. Ghabh e comhnuidh an caisteal Bhrochail, an daingneach bu treise MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 351] [Vol. 2. No. 45. p. 7] bha ’n Rarsaidh. Ach ’nuair thainig an t-oighre dligheach gu ìre dh’ éirich an sluagh leis agus b’ eigin do’n fhoir-eigniche tàrsainn as. B’e an t-oighre og so Callum Garbh, an treas Mac Gille Challum. ’Nuair bha esan na shean duine mharbhadh am mac bu shine aige ann am blàr fuilteach eadar na Leodaich is Cloinn ’ic Coinnich aig clachan Rarsaidh. Thachair so anns a bhliadhna 1611. Chaochail Cullum Garbh air a bhliadhna sin fein, agus thàinig a Mhac Alastair na àite. Chaochail esan anns a bhliadhna 1643 agus thainig Alastair a Mhac na aite. B’ esan an 5mh mac Gille Callum. Chaochail e an 1648 agus thainig a mhac Iain Garbh a dh’ ionnsaidh na h-oighreachd. So an duine òg cliùiteach a chaidh a bhàthadh eadar Leodhas is ceannn a tuath an Eilean Sgiathanaich ’s e air a thurus dhachaidh o bhi ag amharc air a charaid Fear Bhrathain. Cha robh e ach bliadhn’ ar fhichead a dh’ aois aig àm a bhàis. Bha e air ùr-phòsadh ri nighean Sir Ruairidh mor Mac Leod Dhun-bheagain. Bha e ainmeil air son a neart agus a mhaise. Bha caoidh mhor air chan e mhain an Rarsaidh ach mar an ceudna anns na h-eileanan mun cuairt. Cha d’ fhag e teaghlach. ’S e Alastair, ogha bràthar a sheanar, a thainig a stigh air an oighreachd. B’ esan an 7mh mac Gille Callum. B’ e a mhac, Callum, an 8mh. Bha esan a measg nan uachdaran Gàidhealach a dh’ éireich leis a Phrionnsa an 1745. An deigh blar Chùil-Fhodair theich e dhachaidh. Bha e iomadh latha fo’n choìll ’s na saighdearan dearga an tòir air. Ach a dh’ aindeoin gach oidhirp a thug iad cha d’ fhuair iad riamh greim air. Bha ’m Prionnsa da latha ga fhalach féin an Rarsaidh. Dhealaich Fionghol Dhomhnullach ris am Port Righ, agus ghabh esan an t-aiseag as a sin ’s chaidh e air tir ’s a Ghlàm an Rarsaidh. Dh’ ullaicheadh bothan beag chaorach air a shon, far ’n do chaidil e air leabaidh fhraoich. Ghabh teaghladh Rarsaidh cùram dheth fhad ’sa bha e air an Eilean. An deigh bàs Challum thainig a mhac Iain a dh’ ionsaidh na h-oighreachd. Bha Dr. Johnson air aoidheachd aig an fhear so ’sa bhliadhna 1773. Mhol e gu mor MacLeod agus a theaghlach maiaeach. Bha e ro riaraichte le thurus do’n eilean. Dh’ aidich e gun robh modh is ionnsachadh a measg nan Gàidhiel cho math is a measg nan Sasunnach. B’ esan an 9mh Mac Gille Callum. B’ e a mhac, Seumas, an 10mh. Chaochail Seumas an 1824 agus thàinig a mhac Iain na àite. Bha e na ofigeach anns an arm. So am Mac Leod mu dheireadh a bh’ air Rarsaidh. Anns a bhliadhna 1846 chaidh an oighreach a reic ri Gall, fear Rob Rainy. Mar sin cha “thir ’ic ’ille Challum” an t-eilean so nis mò. Cha robh na seann uachdaranan Gàidhealach cho glìc ’s bu chòir dhaibh. Nuair thòisich fasanan gallda air tighinn a stigh do’n tir thòisich cosdas air dol a meud. B’ éiginn an sin a màl a thromachadh air an tuath; ’s nuair nach deanadh sin a chùis dh’ fheumte an oighreachd a chur an sàs air son airgiod-réidhe thogail. Uaithe sin a mach bha iad, mar bu trice, a dol leis a bhruthaich, gus mu dheireadh an robh an oigheachd air a reic. Sin mar thachair do theaghlach Rarsaidh agus do iomadh teaghlach eile. Tha e na ni duilich gu bheil a chuid mhor de na seann teaghlaichen Gàidhealach air an cuid oighreachdan a chall agus coigrich, aig nach eil dàimh no càirdeas ris an t-sluagh, air tighinn a stigh nan àite. C. C. Iadsan a Phaigh. C. J. Domhnullach, Kingston, Ont. Padruig Cràbhard, Oldfield, do. D. MacDhiarmaid, M. D., Maxville, do. Eoghan MacEoghan, do. Curstidh Nic Aoidh, Ripley, do. D. D. Domhnullach, Williamston, do. A. Corbett, Montrose, E. P. I. Tearlach Martainn, Kinross, do. Iain T. Dughallach, Argyle Shore, do. Uisdean Mac-a-Phi, Narrows, do. G. A. Nic Coinnich, Eileanan Coilley, do. Alasdair Mac Calamain, Orwell, do. Seumas Siosal, St. Andrews, N. S. Tomas Siosal, Marydale, do, Donnacha MacLeoid, Halifax, do. J. I. Gillios, Georgeville, do. An t-Onarach, am Breitheamh Mac Isaic, Antigonish, do. Richard Elliot, Gottenburg, Sweden. Eoghan Domhnullach, Chislet, Sasunn. Iain D. Domhnullach, Great Bend, Pa. Mairi A. Dhomhnullach, Ceann Dearg, C. B. M. S. McNéill, Barra Glen, (25cts.) do. R. Moireastan, Baigh ’n Iar, (50cts.) do. M. I. Domihullach, Grand Anse (25cts.) do. Alastair Johnstone, Bridgeport, do. Capt. Domhnuliach, N. Sydney (25cts.) do. D. Ghillios, Gleann nan Sgiathanarh, do. Domhnull Mac Leòid, South Bar, do. Gilliesbuig Mac-a-Phiocair, Catalone, do. Tormoid MacLeoid, New Victoria, do. Fearchar mac Leoid, Munroe’s Point, do. Iain A. Smith, B. C. Chapel, do. An t-Urr. R. Domhnullach, Hawkesbury, do. An t-Urr. C. F. mac Fhionghain, Sy Mines, do. Aonghas Doghallach, Creignish (25cts.) do. Domhull Mac Amhlaidh, Glace Bay, do. D. Mac Coinnich, Kempt Head, do. Tormod Domhnullach, Sidni, do. Mairi Mhathanach, do. T. C. Harold, do. Domhnull Dohnullach, do. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. [TD 352] [Vol. 2. No. 45. p. 8] BLAR MAGH LEUNA. Eadar Cuchuillinn, Fear-riaghlaidh Eirinn, agus Suaran, righ Lochlain. LE OISEIN. Bha Cuchuillinn ’n a fhear-riaghlaidh air Eireann, am feadh ’s a bha an righ, Cormac Mac-Airt, ’n a òige. Anns an am sin thainig Suaran, righ Lochlain, le feachd laidir, an aghaidh Eirinn, agus chaidh e air tir faisg air Tura, far an robh Cuchuillinn a tuineadh. Chunnacas cabhlach Shuarain roimhe sin, agus chuir Cuchuillinn fios gu Fionn, air son conaidh. Ach chaidh Cuchuillinn an aghaidh nan Lochlannach, mus an d’ thainig Fionn; agus chath e ri Suaran air Magh-Leuna, an Ulainn. Mar stoirm fhaoghair ’ruith bho dha bheinn, Gu chéile ghrad tharruinn na trein; Mar shruth làidir cas bho dha chreig, Ag aomadh ’s a taomadh air faich, Fuaimear, dorcha a’s garg ’s a bhlàr Thachair feachd Innis-fail (1) a’s Lochlain. Gach ceannard a spealt-chleas ri sàr, A’s a dhaoine ri làimh a cosgairt. Bha gach cruaidh a screadan air cruaidh, Agus clogaidean shuas ’g an sgoltadh, Fuil a dortadh gu dlùth mu ’n cuairt, (A’s air talamh gu luath a spoltadh.) Bha taifeid (2) a fuaim air mìn iuthar A’s gathan a siubhal troi ’n speur, Sleaghan briste a tuiteam gun phudhar, Mar dhealain air mullach an t-shléibh. Mar onfhàidhean beucach a chuain, Nuair a ghluaiseas an tonn gu ’h-ard, Mar an torrunu air cùl nan cruach, Bha gruaim agus farum a bhlàir. Ged bhitheadh ceud bard Chormaic ann, A’s an dàn a togail a bhlàir, Cha b’ urrainn daibh aithris ach gann Gach coluinn gun cheann a’s gach bàs. Bu lhionar bàs fhear agus thriath, ’M fuil a sgaoileadh air sliabh an àir. Bithibh brònach, a shiol nan dàn, Mu Shithàluinn, ceann nan grabh-thriath, Agus togsa, Eibhir, t’ uchd bàn Mu og Ardan, sàr nan colg fiar. Mar dha eilid thuit iad ’s an réidh, Fo laimh Shuarain, treun nau donn sgiath, Nuair a ghluais e roi mhiltibh le feum, Amhuil tannas an speur nan nial. Fuar thannas a shuidheas an scleò, A’s e sgeadaicht’ le ceò bho thuath, Nuair a dh’ aomas am maraich nach beò Sealladh bròin air barraibh nan stuadh. Nior chadail do lamh ri do thaobh, A thriath Innis is caoine sian, (3) Bha do lhann ann an astar nan faobh, Mar dhealan a baoillsgeadh air sliabh Nuair a thuiteas an sluagh anns a ghleann, ’S a bhios aghaidh nam beann ’n a caoir. ’N sin shrann an Dubh-sroingheal (4) thar seoid, 1 Eireann. 2 Sreang bogha. 3 ’Se ’nt Eilein Sgiathanach a tha e ciallachadh, far an d’ rugadh s an do thogadh Cuchuillinn. 4 N’ a lasair theine. ’S nigh Sith-fada (5) a bhròg am fuil Laidh gaisgich ’n a dheighe gu leoir, Mar chaoille air torr nan tuil, Nuair ghluaiseas osag troi ’n fhraoch, Giulain tannasan faoin na h-oich’. Bi deurach air carraig nam fuaim, Nighean uasal Innis nan Long; A’s lùb do ghnuis aluinn thair chuan Thus’ a’s glaine na fuath (6) air tom, A dh’ eireas mall, mòthar suas, Mar ghath-greine air cruaich nan tonn, Oir thuit (’s grad thuit e) ’s a bhlàr: Ata oig-fhear do ghràidh gun tuar, Fo gheur-lann Chuchuillinn bu shàr— A dh ’fhág e co bàn a’s co fuar. Cha ghluais e gu cruadal gu bràth, A’s cha bhuail e fuil ard nan saoi; Thuit Treunfhear, òg Threunfhear, gu bàs; Oigih, chan fhaic thu do ghradh e chaoidh Ta mhiolchoin a caoineadh gu trom Aig baile nan sonn ’s iad mu thaibhs; (7) Tha bhogha gun taifeid ’s a lom; Air an tom ta farum a bhàis. Mar dh’ aomas mile tonn gu tràigh, (8) A ghluais fo Shuaran borb na dàimh (9) Mar thach’ reas traigh ri mìle tonn, A thachair Eireann ’s righ nan long An sin bha guthan garbh a bhais, Measg toirm na gàire-cath a’s cruaidh, Bha sgiathan ’s maile brist air lar, A’s lann ’s gach laimh mar dhealan shuas. Bha fuaim a bhláir bho thaobh gu taobh, ’S an còrag beuchdach, cruachdach, teth, Mar iomad ord a bualadh baoth, Bho ’n teallach dhubh-dhearg caoir ma ’n seach. Co iad sud air Leuna nan sliabh? Co ’s duirche, ’s is fiadhaiche gruaim? Co is cosmhuil ri nial bu chiàr, Lann gach triath mar theine air stuaidh? Ta bruaillean air aghaidh nan tom, A ’s chrith carraig nan tonn air tràigh! Co a t’ ann ach Suaran nan long, A’s triath Eirinn mu ’m fonnar dain? Ta suil’ nan slogh ag amharc claon Air suinn nach b’ fhaoin ag aomadh suas Ach thuit an oich’ air cath nan laoch, A’s cheil i strì nan saoi gun bhuaidh. 5 Na h-eich aig Cuchuillinn. 6 Taibhs. 7 Bha iad a creidsinn, bho shean, gum faiceadh coin taibsean nam marbh. 8 Tha ’m fonn ag atharrachadh an so. 9 Na coigrich. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 353] [Vol. 2. No. 46. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 9, 1894. No. 46. Dhia, Gleidh an Crun! (God save the Queen.) EADAR-THEANGAICHTE LE DR. N. MACNEILL, LUNNAINN, Dhia, glèidh an sluagh le d’ ghràs! An rìoghachd às gach càs! Dhia gléidh an Crùn! Biodhmaid a ghnàth fo d’ làimh Le buaidh os ceann gach nàimh, ’Nad ghràdhsa faotainn sàimh, Dhia, gléidh an Crùn! A Thighearna, Dhia na glòir, Dean air gach dìblidh fòir Is gléidh an Crùn! Cum suas Bhictoria chaomh: Roinn ceartas air gach taobh: Dìon oighreachd bhochd do naomh! Dhia, gléidh an Crùn! Ar sùil tha Riutsa suas: Seall air ar cor le truas; Is gléidh an Crùn! Cuir cuibhreach uile mu sgaoil! Tog sinn à slochd an t-saogh’il! A steach do thìr a’ ghaoil! Dhia, gléidh an Crùn! Dubh-A’-Ghiubhais. Anns na làithibh a dh’ fhalbh bha Alba gu léir còmhdaichte le coille ghiubhais. Chunnaic rìgh Lochlainn seo, agus bha mòr fharmad air ris na h-Albannaich, oir bha iad a’ milleadh a chuid malairt, fhéin agus chuir e roimhe gu’m faigheadh e teine chur ris na bha choille ’n Alba. Mar seo bha. Chuir e nighean a dh’ ionnsachadh na “Sgoile-Duibhe;” agus an uair a bha i air a fòghlum, chuir e air tìr i ann an Alba, agus a h-ultach làn de theine. Leis an ultach sin, shìn i air cur teine ris na bha de choille ’n Alba. Ach cha deach i fad air a h-aghaidh n’ uair a chunnaic na h-Albannaich nach bu chreutair Crìosdail a bh’ innte, agus ’sann a dh’fheuchadh iad an robh rian air a glacadh. A dh’ aindeoin an cuid innleachdan cha ghlacadh iad Dubh-a’-Ghiubhais (oir’ se sin an t-ainm a thug na h-Albannaich oirre, thaobh ’s gun robh i cho dubh le ceò a’ ghiubhais a bha i ’cur ’na theine.) Nam faigheadh iad idir am fagus di, dh’ èireadh i air iteig, agus cho luath ’s a bhiodh i gu maith suas anns an iarmailt bha nial ag iadhadh mu’n cuairt di, ’s’ ga folach o gach neach a bh’ air an talamh. Mar seo bha i ’gabhail air a h-aghairt, agus bha e ’na dhubh-fhocal air na h-Albannaich cia mar a gheibheadh iad a cur gu bàs. Latha dhe na làithean ’s ann a smuainich duine de mhuinntir Lochbhraoin air innleachd gu cur às di, nach cualas riamh roimhe a leithid. Thuirt an duine seo, gu ’n robh Dubh-a’-Ghiubhais eòlach air sprèidh bho h-òige, agus na ’n rachadh ’àl féin a thoirt o gach seòrsa beathaich, ’n uair a chitheadh iad Dubh-a’-ghiubhais anns an nial, gu’m faodadh i teàrnadh gu talamh. Mar seo bha. Chaidh mòran spròidhe ’thional air Achadh-bad-a’-chuiteir’ am bràighe Cilldonnain, ann an Lochbhraon, agus air do ’n t-sluagh an nial anns an robh Dubh-a’-ghiubhais fhaicinn, ghrad thearb iad an t-àl òg o màthraichean, ’s ma thearb! ’s ann an sin a bha ghleadhraich—gach bò a’ geumraich, gach làir a’ sitirich, gach caora ’méilich, gach gobhar a’ meigeadaich, ’s gach seòrsa beathaich eile ’sireadh an gnè féin. Chuala Dubh-a’-ghiubhais am fuaim ’s an troimhe-chéile ’bh ’air an achadh, ’s théirinn i, ach cha bu luaithe ’bhuin a buinn ris an talamh na chaidh a tilgeadh le saighead. Laidh i marbh ann an sin, agus cha robh fhios co a dh’ adhlaiceadh i. Aig an àm bha dà long Lochlainnich ann an Camus-nan-Gall; agus air dhaibh cluinntinn gu ’n d’ fhuair nighean an rìgh bàs, chaidh an dà sgioba a dh’ iarraidh a cuirp. Chuir iad ’an caiseal-chrò e; agus ghiùlain iad e a chum na luingeis. Sgaoil iad an cuid sheòl; ach cha bu luaithe ’sgaoil, na dh’ éirich an doinnion bu ghailbhiche ’chunnaic mac duine riamh. B’ éiginn tilleadh. An ath là, thug iad gu falbh, ach dh’ éirich an doinnion cha mòr ’s a bha i riamh. Dh’ aindeoin cho tric ’sa bheireadh iad gu falbh, bha an aon mhi-shealbh a’ tighinn ’n an car. Agus air dhaibh géilleadh thòrr iad Dubh-a’-ghiubhais ann an Cill-donnan. Sheòl iad à sin do Lochlainn, agus air an t-slighe, fhuair iad an soirbheas a b’ fheàrr a fhuair iad riamh. Dh’ innis iad do’n rìgh mar ’thachair. Bha e fo mhòr bhròn; agus sin gu h-àraid, air son nach robh duslach a nighinn ’na laidhe ’an ùir Lochlainn. Chuir e ’n dà long cheudna air an ais luchdaichte le ùir Lochlainnich; agus ràinig iad Cilldonnan. ’S cha bu luaithe ’rainig iad na ’chuir iad an ùir air tir, agus chàirich iad Dubh-a’-ghiubhais innte; agus an neach leis a’ miannach chì e a h-uaigh gus an latha ’n diugh. [Dh’ innis mise a nise ’n sgeula mu Dhubh-a’-ghiubhais, agus ma ’s a breug uam e, ’s breug thugam e.—IAIN MOIREASTON.] SEARMON GAILIG AN LUNNUINN.—Chan eil moran agam ri innseadh mu ghnothaichean Gaidhealach bho sgriobh mi mu dheireadh. Shearmonaich an t-Urramach Alasdair Connell, Ministear Regent Sguare, an Gàidhlig air Di-domhnaich. Bha ’n là glé fhuar, coltach ri là geamhraidh, gidheadh chruinnich co-thional math a dh’eisdeachd a Ghaidheil oig so a tha ’n deigh ainm a dheanamh dha fein, mar shearmonaiche, am measg ministeirean a bhaile mhòir so. ’S bochd nach eil cothrom aige air labhairt anns a Ghaidhlig m’s trice oir tha e furasd fhaicinn gur i à chainnt mhathaireil, agus gu’m beil e toirt mor thoileachas dha bhi searmonachadh innte. Tha Gaidheil a bhaile so fodh chomain mhor da airson a bhi, o shaor thoil fein, a toirt dhaibh searmoin na ’n canain fein cho tric ’s a tha e deanamh. Bha ’n aimsir gle fhuar an so o chionn beagan sheachduinean ach tha mi toilichte radh gu ’n d’ thainig atharrachadh briagh oirre an d’e agus gu ’m beil a nis na h-uile coltas air gu ’m bi deadh chamhradh againn. CABAR-FEIDH. [TD 354] [Vol. 2. No. 46. p. 2] A BHEAN NACH B’ FHIACH. BHA ann roimhe so duine agus a bhean, agus a nighean. Bha leannan eile aig a’ mhnaoi agus, rud nadurra, bha fear aig an nìghinn cuideachd. Air an aobhar sin bha a’ bhean anabarrach toileach faotainn caoiteas am bodach aice fhéin; agus bha i daonnan a’ feuchainn ga chur air falbh, ach gu ruig an t-am so cha deachaidh aice air sin a dheanamh. Dé thachair m’ an am so ach gun d’ thainig righ ur thairis air an aite, agus, mar tha tric a’ tachairt, cha robh e gle thoilichte le thigh-comhnuidh. Chual a’ bhean, m’ an robh sin a’ bruidhinn, so agus falbhadar far an robh an righ. “Tha mi cluinntinn,” ars’ ise, “nach ’eil thu gle thoilichte le d’ thigh-comhnuidh.” “Tha an t-aobhar sin agam,” ars’ esan. “Agus car son nach fhaigheadh tu fear ur?” “Cha’n ’eil gin anns an aite so a dheanadh fear ur dhomh.” “Mata, ni an duine agamsa duit e. Neo-ar-thainig mur ’eil e leisg, ach, air son sin, is e cosnach math a tha ann. Ma dhiultas e thu, cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd, agus theid mise an urras gun dean e rud sam bith a dh’ iarras tu air.” “Mata, mo bheannachd agad,” ars an righ, “cuir nios an duine agad’ thugamsa a so.” Dh’ fhalbh i, agus dh’ iarr i air an duine aice a dhol suas far an robh an righ. “Car son a bhiodh an righ ga ’m iarraidh-sa”? ars’ an duine. “Is coltach leam,” ars’ ise “gu bheil e’n ti air thusa thogail tigh ur da.” “Mata, sin rud nach urrainn domhsa a dheanamh.” “Mur a h-urrainn, thoir do chasan leat,” ars’ ise, “agus na faiceam thu tighinn an taobh so tuilleadh.” Dh’ fhalbh an duine bochd. Shin e e fhein ri taobh cnuic, agus toisich-eadar ri caoineadh. An teas-mheadhon na caoinidh so, co thainig far an robh e ach an seann duine liath bu bhriagha a chunnaic e riamh. “A dhuine bhochd,” ars’ an seann duine, “cha’n ’eil thu ach gu math tursach a’ coimhead.” “O, gu dearbh, tha an t-aobhar sin agam.” “De sin?” “Tha an righ ag iarraidh orm tigh ur a thogail da, agus cha’n urrainn domhsa sin a dheanamh.” “Mata, falbh thusa, ghille ghasda, agus tomhais leis an t-slataig so am meudachd a dh’ fheumas an tigh a bhith.” Dh’ fhalbh an duine, agus cha b’ fhada air falbh e. Thug e tomhas an tighe d’ an t-seann duine. “Faodadh tusa nis a bhi falbh,” ars’ an seann duine, “Bidh an tigh deiseal, air a thogail agamsa, mus eirich thusa am maireach.” An uair a dh’eirich an duine an la’r na mhaireach, de fhuair e air a thogail roimhe ach an t-aon tigh-comhnuidh bu bhriagha a chunnaig e riamh. Leum a chridhe le toileachas agus chaidh e dhachaidh agus dh’innis e d’ a mhnaoi gun do thog e paileas d’ an righ, agus paileas briagha cuideachd. Bha ise air a dorranachadh an uair a chual i so, oir bha duil aice nach b’ urrainn da an tigh a thogail, gum marbhadh an righ e air son sin, agus gum faigheadh ise an sin a leannan a phosadh. Dh’ fhalbh i co-dhiu an darna uair far an robh an righ. “Mata,” ars’ esan rithe, “is ann agad tha an duine snasail. Na faiceadh tu am paileas a thog e domh! Cha robh mi an duil gun d’ rachadh aig duine nadurra sam bith air a leit a dheanamh.” “Nach d’ thuirt mi sin riut. Ach c’arson nach ’eil loch agadsa air mullach a’ chaisteil, far am biodh tu ag iasgach, mar a tha aig righean mora eile?” “O, cha’n ’eil gin anns an aite so a b’ urrainn sin a dheanamh dhomh.” “Mata, ni an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur ’eil e leisg, ach, air son sin, is e cosnach math a tha ann. Ma dhiultas e thu cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd agus theid mise an urras gun dean e rud sam bith a dh’ iarras tu air.” “Mata, mo bheannachd agad,” ars’ an righ, “cuir nios an duine agad thngamsa an so.” Dh’ fhalbh i, agus dh’ iarr i air an duine aice dol suas far an robh an righ. “C’arson a bhiodh an righ ga ’m iarraidh-sa?” ars’ an duine. “Tha air son loch far am biodh e ag iasgach a dheanamh air mullach a’ chaisteil.” “Mata, sin rud nach urrainn domhs a a dheanamh.” “Mur a h-urrainn, is ceart cho math duit dhol agus thu fhein a riasladh agus gum marbh an righ thu ma dhiultas tu e.” Dh’ fhalbh an duine bochd. Shin e e fhein ri taobh cnuic, agus thoisich e air caoineadh. An teas-mheadhon na caoinidh so, co thainig far an robh e ach a’ cheart seann duine liath a thainig far an robh e roimhe. “Seadh, a dhuine bhochd, de tha iad a deanamh ort a nis?” “O, tha an righ ag iarraidh orm loch iasgaich a dheanamh air mullach a’ chaisteil, agus cha’n urrainn domhsa sin a dheanamh.” “Mata, falbh thusa, ghille ghasda, agus tomhais leis an t-slataig so am meudachd a dh’ fheumas an loch a bhith.” Dh’ fhalbh an duine, agus cha b’ fhada air falbh e. Thug e tomhas an loch d’ an t-seann duine. “Faodaidh tusa nis a bhi falbh,” ars’ an seann duine; “bidh an loch deiseal, air a dheanamh agamsa, mus eirich thusa am maireach.” An uair a dh’ eirich an duine an la’r na mhaireach, chunnaig e air a dheanamh air muliach a’ chaisteil an t-aon loch bu bhriagha a’ chunnaig e riamh—e lan bhriceanan agus iad a’ snamh agus a’ leumatraich gu beothail anns an uisge. Chaidh e dhachaidh agus innsear d’ a mhnaoi gun d’ rinn e an loch d’ an righ—gur cinnteach gum biodh e toilichte a nis oir nach b’ aithne dasan righ aig an robh paileas agus loch iasgaich cho briagha ris. An uair a chual a bhean so, dh’ fhalbh i an treas uair far an robh an righ. “Mata,” ars’ esan rithe, “is mi tha fada na do chomain air son an duine agad a chur na mo rathaid. Na faiceadh tu an loch a rinn e domh! Mur a faicinn e le mo dha shuil fhein cha chreidinn gum b’ urrainn da a leit a dheanamh.” “O, cha’n eagal nach dean e rud an uair a theannas e ris. Ach c’arson nach ’eil blaith-sheampuill agadsa, mar a tha aig righrean mora eile?” “O, cha’n ’eil gin anns an aite so a b’ urrainn sin a dheanamh dhomh.” “Mata, ni an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur ’eil e leisg, ach, [TD 355] [Vol. 2. No. 46. p. 3] air son sin, is e an deagh chosnaich a tha ann. Ma dhiultas e thu cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd agus theid mise an urras gun dean e rud sam bith a dh’ iarras tu air.” “Mata, mo bheannachd agad; cuir nios an duine agad thugamsa an so.” Dh’ fhalbh i, agus iarrar air an duine aice a dol suas far an robh an righ. “C’arson a bhiodh an righ ga’m iarraidh-sa?” ars’ an duine. “Is coltach leam gu bheil e an ti air thusa a dheanamh blaith-sheampuil da.” “Mata, sin rud nach urrainn domhsa a dheanamh.” “Mur a h-urrainn, bheirinn-sa mar chomhairle ort cur as duit fhein, agus gum marbh an righ thu ma dhiultas tu e.” “O gu dearbh, cha chur mi as domh fhein, is mi nach dean sin. A’ bheil thu an duil gu bheil mi cho beag faireachdainn agus gum fagainn thusa leat fhein anns an t-saoghal mhosach so?” “Coma leat dhiomsa, theid agam air an aire a thoirt orm fhein. Ach is fhearr duit a bhi falbh far a bheil an righ, mus bi e gabhail fadachd.” Dh’ fhalbh an duine bochd. Shin e e fhein ri taobh cnuic, agus toisichear ri caoineadh. An teas mheadhon na caoinidh so, cho thainig far an aobh e abh a’ cheart seann duine liath a thainig far an robh e roimhe. “Seadh, a dhuine bochd, de tha cur riut a nis?” “O, tha an righ ag iarradh orm blaith-sheampuill a dheanamh da, agus cha’n urrainn domhsa sin a dheanamh.” “Mata, ghille ghasda, innsidh mise duit ciamar a ni thu e. Tha leannan eile aig do mhnaoi, agus tha fear aig do nighinn cuideachd. Tha roic mor gus a bhi aig a’ cheathrar aca an nochd, agus falbhadh tusa d’ an bhathaich, agus stobaidh tu bior anns an tarbh. Toisichidh an tarbh ri geumnaich, agus thig do bhean am mach a choimhead de tha cearr. Ceanglaidh t ise ri iarball an tairbh. Thig an uair sin a leannan am mach, agus ceanglaidh tu ise ri iarballsan. Thig an uair sin a leannan am nach, agus ceangladh to esan ri h-iarball-ise. Stobaidh tu an sin am bior anns an tarbh, agus leigidh tu as da. Theid esan na dheann-ruith, agus iadsan a laodadh ris, suas rathad a’ chaisteils, gus an tuit e anns an loch, agus an teid am bathadh uile. Bidh am blaith-sheampuill agad an sin ullamh.” Thug an duine moran taing d’ an bhodach, agus dh’ fhalbh e dhachaidh. Chaidh e d’ an bhathaich, agus stob e bior anns an tarbh. Thoisich an tarbh ri geumnaich, agus thainig a’ bhean am mach a choimhead de bha cearr ris. Rug an duine oirre, agus cheangail e i ri earball an tairbh. Thainig an sin a leannan am mach, agus cheangail an duine e ri h-iarball-sa. Thainig an sin a’ nighean am mach, agus cheangail an duine i ri iarballsan. Thainig an sin a leannan am mach, agus cheangail an duine e ri h-iarball-se. Stob e an uair sin am bior anns an tarbh agus mach a ghabh e na dheann-ruith suas rathad a chaisteil, gus na thuit e anns an loch, agus an deachaidh am bathadh uile. An ath mhaduinn chaidh an duine far an robh an righ a’ dh’iarradh air thighinn a choimhead am blaith-sheampuill. An uair a rainig iad an loch, leig an duine na cuirp fhaicinn d’ an righ, agus dh’innis e da gum b’e sin am blaith-sheampuill. Thug an righ moran beartais d’an duine, agus a bharrachd air sin thug e a nighean da ri posadh. Bha leth na rioghachd aige fhad’ agus bu bheo an righ, agus an rioghachd uile an uair a chaochail an seann duine. Dh’fhag mise an sin iad. Iarr Minard’s Liniment ’s na gabh ach e Minard’s Liniment air son Lòinidh. Leighsidh Minard’s Liniment an Grip Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 356] [Vol. 2. No. 46. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna,. . . . $1.00 Sia miosan, . . . . .50 Tri miosan, . . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 9, 1894. So an t-àm dhe’n bhliadhna anns am bu chòir do mhoran Ghàidheal a bhi ’g òl an deoch-eòlais air MAC-TALLA. MA saaoileas cuid d’ ar luchd-leughaidh nach eil an àireamh so dhe’n phaipeir cho math ’s bu chòir dha bhith, feumaidh iad ar leisgeal a ghabhail. Bha againn ri dheanamh suas ann an cobhaig, oir bha gle fhaisg air leth na seachdain so seachad mu’n d’ fhuair sinn paipear na seachdaiu s’a chaidh as ar làmhan. BHA stoirm mhor uisge ann oidhche Dior-daoin. Aig an International Pier bha da shoitheach bheag air am bristeadh ’s air an cur fodha. Bha te dhiu a E. P. I. agus bha ’n luchd aice, bnntata agus coirce, air a chall. CHAOCHAIL am Breitheamh Johnson ann an Quebec o chioun seachdain. ’Na thiomnadh dh’ àithn e a chorp a bhi air e thiodhlacadh gun ghreadhnachas faoin sam bith. Dh’ iarr e bhi air a chur mar tha ’n t-òran ag radh, “ann an ciste chaol ghiuthais air a dubhahh le ròsaid,” ’s gun carbad mairbh a bhi ’ga ghiùlain idir. Ach ged nach robh greadhnachas mor sam bith ma thimchioll, cha robh e buileach mar a dh’ iarr esan, oìr cha robh ’n tiomnadh air a leubhadh gu ’n dèigh an tòrraidh. CHAIDH dithis dhaoine a ghoirteachadh gu dona aig an International Pier Dior-daoin. Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-air eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor. Tha muinntir Anstralia an deigh cuireadh a thoirt do Prrionnsa Seòras agus do bhan-Diùc York sgriob a thoirt do’n dùthaich aca air a bhliadhna s’a tighinn. BHA ’n tigh-òsda ùr air fhosgladh oidhche Dior-daoin. Bha àireamh mhor de dh’ uaislean na dùcha aig a chuirm, agus chuir iad seachad oidhche chridheil. RINN na h-uisgeachan a thainig o chionn ghoirid feum mor dh’an dùthaich. Ma leanas an t-side che fàbharrach ’sa tha i bi’dh dùil aig na tuathanaich ri buain mhath anns na fhoghar. THA na rathaidean-uisge ann an Canada air fad ri bhi, ’n deigh so, air an cumail dùinte air an t-sàbaid. Tha iad ri bhi air an dùnadh aig meadhon-oiche Di-sathairne, agus ri bhi air am fàgail dùinte gu meadhon oiche Di-dòmhnaich. THACHAIR ni muladach ann a Halifax Di-luain. Thainig Bean Mhurchaidh ’Ic Leoid, Acarsaid Néill, C. B. ri ’beatha féin beagan roimh mheadhon-latha aig a tigh féin. O chionn corr us bliadhna ghabh i ’n grippe agus bha i car trom-inntinneach riamh uaithe siu. Bha i còmhnuidh anns a bhaile so àireamh bhliadhnaichean, far am beil càirdean us luchd-eòlais aice tha glè dhuilich cluinntunn mu bàs. CHAOCHAIL Tearlach Forest, fear cumail an taigh-sholuis aig Glassyk’s Point C B., agus a bhean air an deicheamh latha fichead dhe’n Chéitein. Bha iad air am puinnseanachadh le luibh a fhuair iad anns a ghàradh. Shaoil leo gum bu churran geal a bh’ ann agus dh’ ith iad e, ach thug e am bàs an ceann beagan uairean. Chaidh mac dhaibh am mach a dh’ iasgach beagan roimhe sin: na’m biodh e aig an tigh, chan eil teagamh nach biodh e air a phuinnseanachadh cuideachd. BHA sabaid ghrànd ann an cùirt a pholice ann a Halifax Di-mairt. Bha fear de sheanairean a bhaile (alderman) a toirt fianuis aig a cùirt, agus dh’ fhàs a chùis cho teth eadar e fhéin ’s am fear-lagh ’bha ’ga cheasnachadh ’s gun do ghabh iad na dùirn dha chéile. Agus cha do leig am breitheamh air gu robh dad cearr a dol air adhart. Ma se sid an seòrsa luchd-riaghlaidh baile, ’s luchd riarachaidh ceartais a tha aig muinntir a cheann-bhaile tha’n t-àm aca ’n cur air falbh a dh’ àit-eigin anns an ionnsaichear modh dhaibh. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. Hearn. D. A. HEARN. Gllios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 357] [Vol. 2. No. 46. p. 5] NAIDHEACHDAN THA àireamh dhe na muillein cotain ann an Sasuinn air an dùnadh, ’s tha tri mile dhe’n luchd-oibreach ’nan tàmh. THA rathad-iaruinn ur gu bhi air fhosgladh eadar Quebec us Megantic. Tha ceithir cheud Eadailteach ag obair air cheana. THA luchd na mara ag innse dhuinn gu bheil an cuan Atlantach breac le cruachan deighe. ’S beag an t-ioghnadh an t-sìde bhi cho fuar mu na cladaichean so. FHUAIR an t-Aba Michaud, sagart a tha ann am Montreal, seann bhonn copair anns an tionail ’san eaglas an la roimhe, agus cha reiceadh e e air son da cheud dollar. BHA tuil mhor ann a China air a mhios so ’chaidh. Chuir an amhuinn Han thar a bruachan, agus bha dà mhile duine air am bàthadh, agus call mor air a dheanamh air an dùthaich. THA duine ann an St. Martin’s, N. B. do’n ainm Seumas Ros a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Agus rinn e air an t-samhradh so leth acaire fearainn a threabhadh ’sa chliathadh gun chuideachadh sam bith. THA Riaghladh na Frainge an deigh luchd-riaghlaidh Féill an t-Saoghail a chur ’san lagh. Tha iad ag agairt muillein dollar air son nithean a chuir na Frangaich dh’ ionnsaidh na féille agus a bha air am milleadh le teine. CHAOCHAIL bean A. D. Camaran aig Eastport, Maine, air an t-seachdain s’a chaidh. B’ i so a bhean a bha ’sa phriosan ’sa sheas cùirt an uìridh ann am Bridgetown, N. S., air son bàs a fir. Bha e air fhàgail oirre gu’n do phuinnseanaich i e, ach cha robh dearbhadh làidir gu leòr air a thoìrt air adhart, ’s fhuair i ma sgaoil. BHA tuiltean mora aca air taobh an iar America air an t-seachdain s’a chaidh. Ann an Columbia Bhreatunnach, tha na h-uillt bheaga air at suas gu bhi ’nan aimhnichean, ’s air fàs cho mor ’s gu bheil iad a cur thar am bruachan, ’s a sgbuaadh air falbh thaighean agus gach ni eile thig na’n rathad. Tha moran sluaigh aìr am fàgail gun dachaidh agus na bh’ aca ris an t-saoghal air a thoirt air falbh leis an tuil. Tha Amhuinn Fhriseil air at suas dà throigh na’s àirde na bha i riamh o’n is cuimhne leis an luchd-àirteachaidh mu’n cuairt, agus aig beul na h-aimhne cha’n fhaicar dad ach mirean briste de thaighean, craobhan, agus ainmhidhean bàthte. ’S i tuil a’s miltiche a thainig air an dùthaich sin riamh. Cho fada ’sa chuala sinne, bha ochdnar dhaoine air am bàthadh. Bha tuil aig an aon am ann an Colorado agus ann a Washington. THA soitheach aig an International Pier a gabhail luchd guail, air son a thoirt gu La Platte ann an ceann a deas America. THA e air a radh nach eil Cleveland agus a bhean an diugh idir cho mor aig a chéile ’sa bha iad an là ’phòs iad, agus mur biodh an dreuchd anns a bheil esan, gu’m biodh aona chuid ise no esan ag iarraidh litir-dhealachaidh. Minard’s Liniment a’s fhearr. THA daoin’-uaisle anns na Stàitean a bruidhinn air càin-chimhue a chur suas ann an Louisburg mar chuimhneachan air na daoine a thuit aig séisd a bhaile sin anns a bhliadhna 1745, a cheud uair a thugadh bho na Frangaich e. ’Sann as na stàitean a thàinig a chuid mhor dhe na daoine ’chog air taobh Bhreatuinn. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT C. SAUNDERS. Dalhousie. Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, le MINARD’S LINIMENT. ED. LINLIEF. St. Peters, C. B. Leighis mi droch at air each le MINARD’S LINIMENT. THOS, W. PAYNE. Bathurst, N. B. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 358] [Vol. 2. No. 46. p. 6] AM FEAR NACH TUIG GAILIG. Mu thri fichead bliadhna ’sa deich roimhe so, bha lighiche ann an Bail’-Uilleam, ’an Siorramachd Ghlinn-a-Garaidh, an Ontario, ris an canadh iad an Dotair Mac Leòid. Bha e ’na dhuine air an robh meas mor aig an t-sluagh mar dhuine agus mar léigh. Bha gràdh mor aige do dh’ Alba, tir a dhùchais, agus bha e mion-eòlach air eachdraidh agus cliù nan daoine o’n d’ thàinig e. Bha a cheann loma-làn de dh’ orain Ghàilig ’s de sheann sgeulachdan, agus cha’n iarradh e shòlas ach a bhi ’g an aithris ’s ’g an gabhail ’n uair a gheobhadh e measg a dhlùth chàirdean féin. ’S iomadh oiche fhada gheamhraidh a chuir e seachad gu cridheil sùnndach air an dòigh so. Bhiodh am botull air a bhòrd, ’s cha bhiodh e uair sam bith air fhàgail falamh. Bha dlùth charaid aig an dotair, fear Dòmhnuil Dòmhnullach, air an robh cliù fad us farsuinn mar fhear innse sgeulachd. Bha Dòmhnull buailteach, air uairean, air a dhol tuilleadh us fada air adhart leis na sgeulachdan, agus cha b’ ainneamh leis an luchd éisdeachd innse dha nach robh iad ’ga chreidsinn. Ach mar bu trice cha robh e duilich sam bith dha na mi-chreidmhich a chur ’nan tosd. Theireadh e riutha cho tric ’sa chuireadh iad fhacal an teagamh, “gu robh làn chead aig an fhear mhosach air a thoirt leis as a sheasamh mur robh na h-uile facal a bha e ’g innse dhaibh ’na thul-fhìrinn.” Bha duine còir ann an nàbachd Dhòmhnuill a bhiodh an còmhnuidh ag achanaich air sgur dheth na mionnan uamhasach sin, agus ag ràdh ris mur sguireadh, gu’n gabhadh am fear mosach e air ’fhacal latha dhe na lathaichean ’s gu’n tugadh e leis e, cruinn, cothrom a bha e. Ach cha robh achasan no comhairle a deanamh drùidheadh air Dòmhnull. Aon oiche fhuar, reòta mu dheireadh an Dùdhlach, * ’s an sneachda còmhdach an làir, bha ’n dotair air an rathad dhachaidh as a Bhail-Ur, † ceann-bhaile na siorramachd. Cha robh an dùthaich aig an àm sin ach air a h-ùr-àiteach; bha chuid bu mhò dhe’n choille ’na seasamh mar a bha i ceudan bliadhna roimhe sin agus bha na ròidean, gu h-àraid ré a gheamhraidh, * December. † Cornwall. Is e ’m Bail-ur an t-ainm a th’ aig luchd na Gàilig an Cornwall riamh o’n chaidh a shuidheachadh. a cumail air an talamh àrd, gun rian no riaghailt sam bith ’nan cùrsa. Bha iad anabarrach cam, agus far an robh dà rathad a dealachadh o chéile, bha blàradh air na craobhan ag innse c’ àite ’n robh gach fear dhiubh a’ dol. Bu cho math do dhuine dhol a sheòladh air a chuan mhor gun sgoil-mhara ri feuchainn ri dhol troimh choilltean an àm’ ud gun bhi eòlach air blàradh nan craobh. Ach bha’n dotair gle eòlach air gach car us camadh a bh’ anns na ròidean, agus ged bhiodh e ’dol trompa air an oiche bu dhuirche, cha bu chùram leis gu’n rachadh e air chall. Air an oiche so bha aige ri dhol seachad faisg air an tigh bheag logaichean anns an robh Dòmhnull a deanamh a dhachaidh, agus smaoinich e gur h-ann a bheireadh e leis Dòmhnull cuide ris fhèin. Bha deagh fhios aige nach leigeadh a bhean le Dòmhnull falbh dha deòin, agus chuir e roimhe gu’n tugeadh e ’n car aisde. Ràinig e ’n tigh agus fhuair e gu robh a chàraid air dol a làidhe. Gun charachadh as an t-sleighe dh’eubh e gu robh toil aige bhi air a sheòladh mu’n rathad a bha dol gu Bail’-Uillean, dhùisg e Dòmhnull ’sa bhean ’s thàinig Dòmhnull na ’aodach-oiche dh’ ionnsaidh an doruis. Cha d’ aithnich e ’n toiseach co bh’ aige, agus thòisich e air an coigreach, mar a shaoil leis a bh’ ann, a sheòladh, ach smèid an dotair air, ’s chaidh Dòmhnull a mach far an robh e. Cha d’ fhuiling e tathunn sam bith ach leum e dha’n t-sleighe agus phaisg e e-fhéin anns na béin, ’s bha e an sin gu blàth, seasgair, gus an d’ ràinig iad tigh an dotair, mu thri mile bho thigh Dhomhnull fhéin. Ann sin thug an dotair dha aodach a chuireadh e uime, agus deoch mhath de stuth na Tòiseachd. Thòisich an t-òl ’s an cridhealas; agus ma thòisich, ’s ann an ceann an treas latha fhuair bean Dhòmhnuill fios gu de dh’ éirich dh’a céile. ’N uair nach do thill Dòmhnull dh’ ionnsaidh an taighe ’n ceann beagan mhionaidean, dh’ fhàs a bhean mi-fhoiseil dha thaobh ’s thug i sùil a mach, ach cha robh duine no creutair ri ’fhaicinn thall no bhos, shios no shuas. Ghabh i ’n t-eagal agus chuir i fios air na nàbaidhean, ach cha b’ urrainn dhi fhéin no dhaibhsan a dheanamh mach de dh’ éirich do ’n fhear a bh’ air chall. Bha ’n duine còir, dha’m b’ àbhaist a bhi comhairleachadh Dhòmhnuill, na MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 359] [Vol. 2. No. 46. p. 7] b’ fhaide gun tighinn na càch, ach ’n uair a thainig e, bha deagh fhios aige, na bharail fhéin gu de ’n taobh a chaidh Domhnull. “A Mhàiri,” ars’ esan, ’s e tionndadh ris a mhnaoi, “cha’n fhaic thusa no mise Domhnull gu bràth!” “Cia mar a fhuair thu sin a mach?” arsa Màiri. “Se mo lan bharail,” ars’ esan, “gu ’n d’ fhuair Dòmhnull a ghuidhe, agus gu ’n d’ thainig am fear air am biodh e ’luaidh cho tric agus gu’n d’ thug e leis e direach mar a bha e.” “Tha fhios agam-sa air atharrachadh sin,” arsa Màiri. “Tha fhios agads’ agus agamsa nach tuig am fear mosach sin a Ghàilig, agus ge b’e co dh’ eubh a mach air Dòmhnull cha tuirt e aon fhacal fhad ’sa bha e far an chuinninn-s’ e, ach Gàilig. Cha’n urrainn dhòmhsa chreidsinn, mar sin, gu robh làmh aig an deamhan ’sa chùis idir.” Thuirt na nàbaidhean uile gur h-i Màiri a bha ceart; oir bha iad mar bha na Gàidheil o shean, ’s mar tha moran dhe’n sliochd gus an latha ’n diugh, a làn chreidsinn gu ’m b’i Ghàilig an aon chànain air thalamh a dh’ fhairtlich air Sàtan ionnsachadh. DIARMAD. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VII.—Air a leantuinn. Dh’ fhag an da shoitheach an acarsaid aig an aon àm. Sheas “Sgeul a mhor Aoibeneis” mach ri fairge, ach ghlac “Aideachadh on leth a muigh” air cladach Riarachadh Saoghalta an toir air òr. Dh’éirich a ghaoth. Bha Caiptein “Gradh air Beatha” na shuain chadail. Bha Simon Magus, aig an robh barachd sgil air sloightireachd na air sgoil mhara, ann an àrd ùghdarras; rinn e suas an an dànachd na bha e ’n éis ann an sgil; ach cha robh spèis aig a ghaoith dha; reub oiteag obann an seòl-mullaich aige. Rinn na maraichean gaire ri Magus, a thainig air ais a rithisd air bòrd agus e air chith. Dh’at an stoirm gus an robh buirich na gaoithe agus na’n tuinn mar aon. “Cum a mach i!” ghlaodh e. Fhreagair an Stiuradar “seadh, seadh a shair!” ann a sgeig. Ach bha iad a saothrachadh air cladach leis; Rinn na maraichean gaire air dhoibh bhi làn de fhion ùr, agus cha robh suim aca de dhuine air bith. Thug an dara Oifigeach fanear marbha cuisean; ’se b’ainm dha Intinn-Dhubhach—agus ghrad ruith e sios do’n t-seomar far an d-fhuair e gradh air beatha na chadal. Ghlaodh e na chluasan, “bithidh sinn air na creagan air bheagan uine!” Thug na briathran gu céill e a thiotadh, ruith e suas a dh’ionnsuidh a chlar uachdar, thug e suil air a chladach. Mhalluich e a shuilean féin, mhionnaich e Simon Magus, agus mhuith e fear na Stuirach a thilgeadh bhàrr na cliathaich. Cha do leasaich so cuisean idir. Thìonndaidh an t’uisge gu ceo; agus dh’fhas an Soitheach eudionach. Bha iad gu leir air an ghairm dh’ionnsuidh na Taomadairean, ach bha iadsan air an tàcadh le gainmheach Riarachadh Saoghalta. Bha Gràdh air Beathe air a chuthach; dh-feuch e ri urnuigh a dheanamh ach sguab a ghaoth na briathran sios na shlugan. Bha eagal a bhàis air, ghlaodh e ris na neamhan, ach bha e na bhall-fanaoid aca: Ghreimich Simon Magus air a chuid airigiod tra bha Aideachadh o’n taobh a muigh a ruith a steach chum Bàgh a sgrios. A chlisgeadh, dh’eirich beucail coire-tuaicheal an coinneamh ulfhartaich nan speur. Ghlaodh na maraichean airson trocair. Rinn na Speuran gàire Tairneanaich. Bha cuid a luaidh air bàta leigeal sios: ghreimich cuid eile air criosan-beatha. (Ri leantainn.) Oran Dhomhnuill Mhoir. LE AILEIN AN RIDGE. Cha robh Domhnull mòr no dhuine briagha ann am pearsa no ’n aghaidh, agus bha ’mhac coltach ris fhéin. Air latha araidh ghabh Peadal Mac Iain ’Ic Pheadail air fhéin s air a mhac agus goirid an déigh sin, chuir Ruairidh Andra maoa ga ghlacadh air son ainbhfhiach, ach chaidh e ’m falach s cha d’ fhuair am maor greim air. Mo sheachd mallachd aig Ruairidh, S gu mu buan sid mo earbull; ’Chuir an t-armunn air chuairt oirnn Th’ air na cuaintean do dh’ Albainn. ’S mor an call air an dùitich An ceann iùil an dùigh falbh uainn, Fear a réiteach gach cùise Le meud a thùir agus eanchainn. ’S goirt leam càradh do mhnatha ’S i dol a laidhe fo éislean; Chaill i deadh fhear a taighe ’Se dh’ fhàg gun aighear i ’g éiridh. Ged a ruisg air do bhathais Bu laidir reamhar gu léir thu, ’S na biodh tu ri fhaighinn, Cha bhiodh do mhaithean nan éigin. ’S ann a theann iad le fanaid Ri do sparradh am priosan, Ach fhad ’s is beo iad air thalamh A chaoidh cha ’n fhaigh iad fo chis thu; Cha robh maor ann no earraid No fear a theannadh ri stri riut, Nach do bhreab ’s nach du dhòrn thu S nach d’ fhàg thu leòinte na’n sineadh. (Air a leantuinn air taobh 8.) COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’s e cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACADH. Cisteachan-Laidhe bho $2.00 gu $90.00 Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. [TD 360] [Vol. 2. No. 46. p. 8] Cead Deireannach nam Beann. LE DONNACHA BAN. Bha mi ’n dè ’m Beinn-dòrain, ’S na còir cha robh mi aineolach, Chunna’ mi na gleanntan ’S na beanntaichean a b’ aithne dhomh; Be sin an sealladh éibhinn Bhi ’g imeachd air na sléibhtibh, ’Nuair bhiodh a’ ghrian ag éiridh, ’Sa bhiodh na féigh a’ langanaich. ’S aobhach a ghreidh uallach, ’Nuair ghluaiseadh iad gu farumach, ’S na h-éidean air an fhuaran, Bu chuannar na laoigh bhallach ann; Na maoislichean ’s na ruadh-bhuic, Na coilich dhubh a’s ruadha, ’S e ’n ceòl bu bhinne chualas ’Nuair chluinnt’ am fuaim ’s a’ chamhanaich. ’S togarrach a dh’ fhalbhainn Gu sealgaireachd nam beallaichean, Dol ’mach a dhìreadh garbhlaich, ’S gum b’ anmoch tigh ’nn gu baile mi; An t-uisge glan ’sam faileadh Th’air mullach nam beann árda, Chuidich e gu fas mi; ’S e rinn domh slàint a’s fallaineachd. Fhuair mi greis am’ àrach Air àireanaibh a b’ aithne dhomh, Ri cluiche, ’s mire, ’s màran, ’S bhi ’n caoimhneas blàth nan caileagan; Bu chùis an aghaidh nàduir, Gu ’m maireadh sin an dràst ann, ’S e b’ éigin bhi d’ am fagail ’Nuair thàinig tràth dhuinn dealachadh. ’Nios o’n bhuail an aois mi. Fhuair mi gaoid a mhaireas domh, Rinn milleadh air mo dheudach, ’S mo léirsinn air a dalladh orm; Cha n-urrainn mi bhi treubhach, Ged’ a chuirinn feum air, ’S ged’ bhiodh an ruaig am’ dhéigh-sa, Cha dean mi ceum ro chabhagach. Ged’ tha mo cheann air liathadh, ’S mo chiabhagan air tanachadh, ’S tric a leig mi mial-chù Ri feàr fiadhaich, ceannartach; Ged’ bu toigh leam riamh iad, ’S ged’ fhaicinn air an t-sliabh iad, Cha téid mi ’nis’ ga’n iarraidh O’n chaill mi train na h-analach. Ri àm dol anns a’ bhùireadh, Bu dùrachdach a leanainn iad, ’S bhiodh uair aig sluagh na dùthcha, Toirt òrain ùra ’s rannachd dhaibh: Greis eile mar ri càirdean, ’Nuair bha sinn anns na càmpan, Bu chridheil ann an àm sinn; ’S cha bhiodh an dràm oirnn annasach. ’Nuair bha mi ’n toiseach m’ òige, ’S i ghòraich a chum falamh mi; ’S e fortan tha ’cur oirnne Gach aon ni còir a’ ghealladh dhninn; Ged’ tha mi gann a stòras, Tha m’ inntinn làn do shòlas, O’n tha mi ann an dòchas Gu’n d’rinn nigh’n Deórs’ an t-aran domh. Bha mi ’n dé ’sa’n aonach, ’S bha smaointean mòr air m’ aire-sa, Nach robh ’n luchd-gaoil a b’ àbhaist Bhi siubhal fàsaich mar rium ann, ’S a’ bheinn is beag a shaoil mi, Gu’n deanadh ise caochla; O’n tha i ’nis’ fo chaoirich, ’S ann thug an saoghal car asam. ’Nuair sheall mi air gach taobh dhiom, Cha’n fhaodainn gun bhi smalanach, O’n theirig coill’ a’s fraoch ann, ’S na daoine bh’ ann, cha mhaireann iad Cha n-eìle fiagh r’a shealgann, Cha n-eil eun no earb ann. ’M beagan nach eil marbh dhiù, ’S e rinn iad falbh gu baileach as. Mo shaoraidh leis na frithean, O’s mìorbhailteach na beannan iad, Le biolair uaine a’s fir-uisg’ Deoch uasal, rìomhach, cheanalta, Na blàran a tha prìseil, ’S na fàsaichean tha lionmhor, O’s àit’ a leig mi dhiom iad, Gu bràth mo mhìle beannachd leo! (Aia leantuinn o thaobh 7.) Latha blàr Bhràigh na h-Aimhne Bu tu ’n saighdear gu cogadh, ’S ann a shamhlaich mi pàirt de Ris a bhlár bha ’n Cùil-fhodair, Cha bu companath miapaidh So dh’ iarrach gu trod thu, Bheireadh sgobadh air d’ fhiasaig No dh’ fhiachadh am “bocs” thu. Sid an sgeula ’s gu ’m ait leam Mu ’n tréin-fhear mhacanta bhuadhar Dheanadh feum anns an tapaid ’S nach éisdadh dad d’a luchd fuatha, ’S beag an t-ioghna’ thu bhi gaisgail, ’S an ire ghasd as na bhuaint thu ’S tu Domhnull nan Domhnull A teaghlach mhor Mhurnis-uachdrich Curraidh gasda nach lùbadh Cha bu diù anns a ghleachd thu, ’Nam na gaisgich a rùscaidh, ’S tu nach tionndadh le gealtachd. ’S meirg a theannadh le mùiseag No d’ fheuchadh dùirn riut no bata, Fhir nach togadh an tuasaid, ’S bu làmh chruaidh gus a casg thu. An leòghann aigeannach uaibhreach, Ceaite ’n ’ualas dhuit coimeas? Mach bho ghaisgcich na Roimh, Cuchuiliun mòr agus Wallace, Cha robh ’m Brusach no n Gréimdach No feachd no féinne cho math riut, ’S am fear a thòisich ri ràidh ort, B’ éiginn dha dol am falach. Do mhac oighre na sheasamh Rid’ ghuallainn deas mar bu chòir dha, Shaoil leam fhéin gu ’m bu bheadaidh, ’S gu robh e beag-nàrach gònach, ’M fear a thainig gun teagamh ’S a theann ri d’ bhreabadh ’s ri ’d dhòrnadh. ’S beag de sgàth no de dh’ eagal, A chuireadh Peadal no Pol ort. ’S tu fear mor bu mhath cuma Bho chrùn do mhullaìch gn d’ bhrogan Pearsa chumadail, dhireach, Dh’ fhas gu mileanta bòidheach, Ge b’e dh’ airiseadh t-fhacal, Bu tairis taitneach do chomhradh, ’S mar a falbhadh a falt dhiot, Chuirte mach ad ghill’ òg thu. No biodh daoin’ ann am barail, Ged tha car aig an aois ort, Nach tu ’n fhior chulaidh-eagail, Ged thàinig beagan de ’n mhaoil ort, Bidh na mnathan ag radhinn Nuair bheir iad breath air fear ta-ogis Gu bheil sròn an deigh rath ort ’S gur h-e chairich an gaol ort ’S tu fear gasda neo lomuis Sar chompanach còir thu, ’S duine cnaparra trom thu Dh’ eireadh fonn air mo Dhonull; Cha’ b’e ’n ruinnseara crom thu, Cha b’e ’n rongas gun treoir thu, ’S fada dirach s a chom thu, ’S briadha, fonnmhor gu d’ bhròig thu. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. [TD 361] [Vol. 2. No. 47. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 16, 1894. No. 47. Failte Na Cuthaige. Failt ort, eil-thirich ghalis nam bruach, Teachdaire an Earraich ait; Tha t-aitreabh-shamhraidh uile deas, Tha choill’ a’ seinn duit failt. Cha luaithe thig an neonain maoth, Na thogas tus’ am fonn; Bheil agadsa reul-iuil gu h-ard, Gad threorachadh do’n fhonn? Leat fein a chuairteir aoibhnich ait, Dh’fhailtichinn am nam blath; An t-am sam bi a choisridh bhinn A seinn gu grinn gach trath. Am balachan beag, ’se trusadh bhlath, Gu h-ard air uchd nan tom, Le aighear eisdidh e do ghuth ’S co’ fhreagraidh e am fonn. Fo bhlath ’nuair thig a pheasair ghlas, Fagaidh tu choill’ gu luath; Aoigheachd iarraidh tu an duthchaibh cein Chuir failt air earrach nuadh. Do choill-sa! eoin nam buadh, tha gorm. Do speur do ghna tha blath, Mulad cha’n ’eil a chaoidh a’d dhan No geamhradh ann ad thra. O! nam bu leamsa sgiath an eoin, Gu’n siubhlainn leat gach àit, Air cheilidh feadh an t-saoghail mhoir, Comhlain an Earraich ait. NA SITHICHEAN. Re mòran ùine, bha’n amaideachd a b’ fhaoine air a creidsinn, feadh Galldachd agus Gaidhealtachd, mu thimchioll nan daoine Sìthe. Do réir na h-eachdraidh thàinig a nuas d’ar n-ionnsuidh, anns na sgeulachdaibh spleadhach a bha air an aithris umpa air feadh na dùthcha, bha iad nan creutairibh neo-shaoghalta, guanach, eutrom, do-léirsinn do shùilibh dhaoine, ach ’n uair bu toil leo féin e, a’ sìor ghluasad air an ais agus air an aghaidh, a làthair anns gach cuideachd, agus a mach air gach cò’-dhail. Bha aca so, ma b’fhìor, an còmhhuidh ann an uamhaibh fada fo thalamh, ann an uaigneas ghleann, agus fo gach tolman uaine. Chuireadh as an leith, gu’n robh iad a’ sealbhachadh àrd-shubhachas ’nan tallachaibh rìomhach fo thalamh; gu’n robh aca cuirm shuilbhearra air àmaibh àraidh, le ceòl bu bhinne na aon ni chualas air thalamh; agus gun robh am maighdeanan ni b’ aillidh’ na uile òighean an t-saoghail so, iad do ghnáth ri aighear agus ri dannsa, gun sgìos gun airsneul; ach ’na dhéigh so gu léir, gu’n robh sìor-fharmad aca ri muinntir an t-saoghail so: a h-uile togradh aca gu brìgh gach sòlais a dheothal uatha, agus dombl, s a thilgeadh anns gach deoch a bu mhìlse. Anns na linnibh dorcha chaidh seachad, bha gach bás obann, gach sgiorradh, agus dosguinn, air a chur as an leith; goid naoidheana, agus gnàthachadh ioma druidheachd, nach fiach aithris. Mar bha anns gach dùthaich san àm sin daoine cuilbheartach seòlta, a bha mealladh na muinntir shochaaach le’n gisreagaibh faoine, ’sann, ma b’ fhìor, o’n leannanaibh sìth a thàrmaich iad an t-eòlas a bha iad a’ gabhail os làimh a bhi aca. Ged a chaidh an saobh-chràbhadh so, agus iomadh amaideachd eile de’n t-seòrsa so air chùl, ann an tomhas mòr feadh na Gaidhealtachd, agus ged a bha ’n t-iarmad de na tha làthair a’ teicheadh mar a sgaoileas ceò na h-oidhche roimh éirigh na gréine, is iomchuiah an ni, gu’m biodh fios aig daoinibh cionnus a thòisich an fhaoineachd amaideach sin. Chìthear so ann an eachdraidh na dùthcha. O chionn da-cheud’-deug bliadhna agus còrr, chaidh creidimh nan Druidh a thilgeadh gu tur bun os ceann. Bha geur-leanmhuinn ghuineach air a dheanamh orrasan a ghnàthaich e. Bha iad air am fògradh o ionadaibh còmhnuidh dhaoine; agus air an co-éigneachadh gu tèaruinteachd iarraidh ann an glinn uaigneach, agus ann an uamhaibh ùdluidh nan creag, far am faigheadh iad an creidimh a ghnàthachadh, gu foighìdneach ann an dòchas gu’m faigheadh iad saorsa uair no uair-eigin o’n chruaidh-chás o’n robh iad a’ fulang. Bha na Lochlannaich ’san àm sin, ag aideachadh creidimh nan Druidh, agus fhuair mòran de ni chaidh fhògradh as an dùthaich so dìon agus faagadh uatha. Bhrosnuich iad so na Lochlannaich gu éiridh as an leith; agus tha eachdraidh na dùthcha ’g innseadh dhuinn, gur iomad oidheirp a thug iad, linn an déigh linn, aicheamhail a thoirt a mach as an leith. ’S ann ’n an aobhar-san a tháinig iad ’n an cabhluichibh a thoirt sgrios le teine agus claidheamh air gach àite ’san robh eaglaisean an t-Soisgeil no tighean Mhanach air an suidheachadh. Fad na linn sin, bha mòran de na sagartaibh Druidhneach san tìr so, aig an robh còmhnuidh, mar chaidh a ràdh, anns gach doire, agus anns gach fàsach uaigneach. Chum an àireamh a chumail suas bu ghnàth leò mnathan agns claun a ghoid air falbh, agus gach cothrom a bha ’n an comas a ghabhail, chum an uireasbhuidh a dheanamh suas mar a b’ fhéarr a dh’ fheudadh iad. Bha iad innleachdach, seòlta, am feadh ’sa bha muinntir na dùthcha aineolach, dall; thug iad, mar so, air an t-sluagh a chreidsinn gu’n robh aca fiosrachadh os ceann náduir; agus o’n àm sin, thòisich eachdraidh nan daoine sìth. So ainm a bhuineadh gu h-àraidh do shagartaibh nan Druidh. B’ e’n gnothuch-san reachdan a shocrachadh, agus sìth na dùthcha a chumail suas. Chùm iad am mòid air tulachaibh uaine, air cuirn liatha, agus air beanntaibh àrda; agus, an lorg so, tha mòran de na h-àitibh air an ainmeachadh gus an la ’n diugh, Dùn-sìth, Carn-sìth, Sìth-bhruth, agus iomad ainm eile de ’n t-seòrsa sin. An déigh do na Druidhibh so bhi air an cur fodha, smuainich daoin’ aineolach, o ’n eagal a bh’ aca rompa, gu ’n robh iad fathast air mhodh nee-shaoghalta a chòmhnuidh ’s na h-ionadaibh sin. A thaobh na cumhachd a bh’ air a chur as leth na daoine sìth, bha e air ’ainmeachadh, druidheachd a’ dearbhadh dhuinn gur ann mar chaidh a ràdh a thòisich an eachdraidh amaideach sin. Tha e gu h-áraid air innseadh mu ’n timchioll, gu’n robh àmanna sònruichte ann, anns nach robh e sona teachd an gar d’an sìth-bhruth, gu h-àraid air oidhche Shamhnadh agus Bhealltuinn. ’S ann gun teagamh o chleachdadh nan Druidh a thàinig so a nuas; oir b’ iad so an dà chuirm mhòr aca-san: agus is dùgh dhuinn a smuaineachadh, gun oidheirpicheadh iad daoin’ a chumail air falbh an àm nan cò-dhailean sin, fhad ’sa bha iad féin a’ cleachdadh nan deas-ghnath sin. Agus o nach b’urrainn doibh sin a dheanamh as eugmhais teine ’s e so a thug a nuas a’ bharail gu bheil teine r’a fhaicinn air na sìth-bhruthaibh sin, air co-ainm nan ám sin. Mar so chithear cionus a thòisich eachdraidh nan daoine sìth, d’an robh cho liuthad aon a’ toirt creideas, gus o chionn ghoirid, ann an iomad cearna de ’n rioghachd.—Leabhar nan Cnoc. THA da cheud mile méinneadair na’n tàmh anns na Stàitean a diultadh obair a dheanamh anns na mèinnean guail; tha iad mar sin aìr son mi-chòrdadh éigin eatorra féin ’s sealbhadairean nam mèinnean. THA e air a radh gu bheil còig mile deug sluaigh air am fàgail gun dachaidh leis na tuiltean ann an Columbia Bhreatunnach. Tha ’n call cho mòr ’s nach eil dòigh air aireamh. [TD 362] [Vol. 2. No. 47. p. 2] RUARAIDH A CHNOIC. Theiridh daoine gu’m b’amadam Ruaraidh ’Chnoic, ach mu’n d’ thuirt Niall Ruadh e “mus amadan Ruaraidh ’s iomadh amadan a tha ’san dùthaich.” ’O chionn ùine mhór bha Ruaraidh ’fuireach ann an bhothaig bhig taobh an rathaid mhoir, faisg air aigh a’ chnoic ’san eilean Mhuileach. Bha e na fhasan aig Ruaraidh ’bhi ’bruithinn ris fhéin; agus ma ’n tigeadh tu mar cheud slàt do’n dorus chluinneadh tu cath còmhraidh a cheart cho dian ’s ged a bhitheadh a bhothag làn bho oisinn gu oisinn, mar gu glé thric a bhitheadh i, gu seachd sònruichte ’sa’ gheamhradh. Agus eadhon ’nuair ’bhiodh e ’falbh an rathaid mhoir cha robh cath air am bheil iomradh bho bhlàr na h-Eaglise-Brice gu blar Chulodair air nach rachadh e thairis a cheart cho mionaideach ’s ged a bhiodh tu ga leughadh ann an Eachraidh na h-Alba; oir ged nach robh moran sgoil aig Ruaraidh bha aige mu’n d’thuirt Seònaid na’n seicheannan mu Eoghan a mac “na thug troimh ’n t-saoghal e,” ged nach deach e riamh na ’fhaide ’o’n taigh na dol a dh’iarradh cliabh moine, mar a thachair do Ruaraidh fhein. Bha e na chleachdainn aig Ruaraidh dol gach latha posta do’n t-Sailein, agus cha robh aon litir a bhuineadh do’n Chnoc nach d-thoireadh e dhachaidh a cheart cho sabhailt ri aon phost’ an Lunainn, ged nach robh do dhuais aige ach beagan do bhuntata pòir ’s an Earrach. Bu tric a rachadh na balaich a dh’fharchluais air Ruaraidh, ’nuair a bhitheadh e tilleadh leis na litrichean, oir cha bhiodh té dhiubh air nach d-thoireadh e a bheachd fhein ’se ga’n toirt a dara poca a’ chota mhoir do’n phoc’ eile. Theireadh esan, ’s e tighinn air a shocair fhein. “So paipeir le Dughal Mor, ’s iomadh braoisg a chuireas e air fhein mu’n leugh e air fad e. So litir gu Domhnull Figheadair bho Ailein, a mhac. So te le Dughall Ciobair bho’n mharsanta mhor ann an Duneidunn. ’S iomadh te dhiubh fhuair e nis, agus ’s iomadh ràn a bheir e as ri Topsy mu’m pàigh e na h-ochd puinnd Shasunnach a chuir Anna a nighean a dh-fhia’chan air, air son na tea a dh’òl ì fhein agus cailleach na fiosachd. A bhaoirisg bhochd! Cha d’fhuair i fhathast a saor Gallda an deigh na h-uille rud. Sguiridh i ni s a’ chosg a chleoca shioda a dhol a thogail na moine.” Mar bheireadh Ruaraidh, ’bheac air gach litir no paipeir a bhiodh aige, bha e mion eòlach air gach fear agus bean ’sa chomhair-sneachd. Cha robh e idir cho maol ’sa shaoileadh neach. Bha e daonan mar a bha ’n t-each ban an dorus an t-shabhail “A feitheamh ’s ag éisdeachd,” agus mar sin bha fhios aig’ air barachd ’s a shaoileadh tu. Latha de na lathain a bha Ruaridh ’tilleadh as an t-Sàilein le ’chualach litrichean co ’bha ceum beag roimhe ach Eoghan mor agus Seumas bàn mac Phara nan stob, mar theireadh iad ris. Bha na gillean ann an teas consachaidh air son reusan gle fhaoin: An dara fear ag radh gu’n robh sùil ghloine ’s an tuathanach Ghallda ’s am fear eile ’g radh nach robh. Tha e gle choltach gu’n robh na seoid ag òl air an rathad, agus a chion ’s gu’n deachaidh barachd do’n deoch laidir na’n ceann ’sa chaidh ’nam broinn ’thanaig an cònsachadh gu buillean agus shabadaich iad gus an d’fhag iad a cheile coltach ri dà chirc a bhiodh air an spìonadh. Fhuair Seamas bàn a chuid bu mhiosa dheth agus air son diollaidh chuir e am policeman ruadh an caradh Eoghain mhoir. Cha robh fianuis ann ach Ruaridh, agus ged a bha e rò dhuillich leis dol a dhìteadh a chomhearsnaich b’fheudar falbh gu mòd an t-shiorram a bha ra cumail ann an Tobarmhoire. Latha na cùirte ràinaig Ruaraidh Tobarmhoire le bhoineid mhoir ghuirm ’s le chota fada curainn a bha ruigheachd a shàiltean, agus comhal ris gach ionadheile a bha tuirt air na balaich a bhith gu leann tuinn a h-uile ceum a bheireadh e, bha e cas-ruisgte. Cha do chleachd Ruaraidh riamh brògan; agus ’s ann a bheireadh e teine as na clachan le ordagan mora. Cha ’n ’eile teagamh co-dhiubh nach robh e gu math cruadalach. Mu’n d’thuirt Eoghan saor e, bha na gàgan a bha ’n cùl a chas coltach ri deadheadh a chitheadh tu ann an bonnach coirce. Ach coma leat na codhiubh shuidh a chuirt agus ghlaodhadh suas air Ruaridh gus bhi air a cheasnachadh. Nach ’eil thu fuireach anns a Chnoc (Knock in Mull) Arsa ’n siorram. Cha ’n eil! Cha ’n eil! arsa Ruaraidh “mise fuireach ann an cnoc sam bith. Cha chualas riamh bhi fuireach ann an cnuic ach sithichean.” Ghair na bha staigh ’n uair chual iad freagart Ruaridh oir thuig iad nach robh idir toil aige a chàirdean a dhiteadh. “An cluinn thu Ruaraidh,” arsa an Siorram a rithist “nach eile e na chleachdadh agadsa ’bhi ruith le litrichean eadar an Cnoc ’san Sàilein?” “A ruith” arsa Ruari, ’se gabhal air nach robh e tuigsinn brigh cainnt an t-sioram “chan eil; cha’n eil ’s fhada bho na dh’fhalbh ruith Ruaraidh. Cha d’rinn mise ceum ruith bho shia bliadhna ’n fhoghair so, chaidh agus tha duileam nach deanainn an sin fhein i mur a cuireadh tarbh a Choirneil bhain caismeachd orm.” “An cluinn tu Ruaraidh,” arsa ’n sioram s gun e idir toilichte, nach b’ urrain dha dad a tharuinn a Ruaraidh cho amaideach coltas ’s gun robh e, “nach ’eil e na chleachdadh agad a bhi ’giulan litrichean eadar an Cnoc ’s an Sàilein?” “Gle ainnlabh,” arsa Ruaraidh, gle anabh, le ’r cead.” “Shaol mi” arsa ’n sioram gun robh e na chleachdadh agadsa daonan a bhi coinneachadh ’a phosta ’s an t-Sàilein ’sa toirt leat dhachaidh a h-uile litir a bhuinneadh do’n Chnoc.” “Tha direach daonnam” arsa Ruaraidh ’s e fàs teth. “Agus,” arsa ’n Siorram “nach d’uirt thu rium an ceart uair nach b’abhaist dhuit idir a bhi ’giulan litrichean eadar an Sailein ’s an Cnoc?” “Mata le’r cead” arsa Ruaraidh, “cha’n’eil beachd ’s am bith agam gu’n d’thuirt.” Ghàir na bha’n ’s taigh ’n uair a chual iad so agus ma ghàir dh’eisd Ruaraidh. Chunnaic an sioram nach robh feum ’s am bith a bhi bruithinn agus dh’iarr e air Ruaraidh suidhe. Thiunndaidh Ruaridh gu falbh ach mu’n do bhuithinn e ’n t-àite suidhe chaidh glaodh air ais air. Thill Ruaraidh agus sheas e far an robh e roimhe, ’cheart cho direach ri caragh. “Am bheil cuimhn’ agad idir, a Ruaraidh,” arsa ’n Sioram, “gu’n d’ fharaid mi dhiot an toiseach am biodh tu ’giubhlan litrichan eadar an Sailein ’s an Cnoc?” “Mata, le ’r cead,” arsa Ruaraidh, “dha’n ’eil cuimhne’ sam bith agam ach ch’fharaid sibh dhiom am bithinn ga’n giulan eadar an Cnoc ’s an Sàilein, an rud nach bi ach gle annabh, mar a thuirt mi mar tha.” Ma bha gaireachdaich roimhe ann bha gaireachdaidh a nis ann. Bha barachd char ann an Ruaridh ’sa’ shaoileadh duin air bith, agus ’s ioma car agus lùb a chuir e air cainnt an t-Shioram air son gun dad fhaodainn a mach. Chaidh iarraidh air Ruaraidh suidhe a ris, oir chunnacas nach robh feum ’sam bith a bhi bruithinn ris; ach dh’fharaid an Sioram dheth an robh fios aige gu de ’thug an sud e. “Tha gle mhath,” arsa Ruaraidh “direach a chionn ’s nach robh ach an aon t-suil anns ’n tuathanach Ghallda,” agus chuir sin crioch air ceasnachadh Ruaraidh.—Iain Mac Cormaic ’san Oban Times. [TD 363] [Vol. 2. No. 47. p. 3] Lochan Chanada. ’Se ni a’s iongataich’ ann an Canada na lochan uisge tha ann; a thaobh am meud agus an doimhneachd, tha iad a’ toirt barr air lochan-uisge n t-saoghail; tha gach loch dhiubh mar chuan mòr. Is mòr am beachd muinntir Alba Loch-Odha, Loch-Laoimunn, Loch-tatha ’s Loch-Fireann, ach cha ’n fhearr iad na luban beaga ’n coimeas ris na lochan farusing tha san dùthaich m’a bheil sinn a’ labhairt; cuid diubh mar tha Lake-Superior, tri cheud agus tri fichead mil’ air fad, agus seachd fichead mil’ air leud! Tha astar chòig-ceud-deug mile’ ceithir thim-chioll an loch-uisge so, agus tha daoine ’deanamh a mach gu bheil e dlùth air mile troidh air doimhneachd. Tha tri no ceithir dhiubh so dlùth d’a chèile; agus a’ tearbadh Chanada uachdrach o Stàitean Aonaichte America tha air an taobh eile. O loch gu loch dhiubh so tha aibhnichean a’ ruith, a’ meudacha’ gu mòr mar tha iad a’ dol air an aghaidh, gus a bheil an abhain mhòr d’ an ainm an St. Lawrence a tòiseachadh. Tha ’n abhainn so dlùth do cheud mil’ air leud far a’ bheil i ruigheachd a’ chuain. Tha dà mhile de mhìltean o’n àit o’m bheil an abhainn mhòr so ag éiridh, ’ionnsuidh an àite ’bheil i ’coinneachadh na fairge. Tha eileanan àillidh luachmhor air an lochan-uisge so, cuid diubh tri fichead mile air fad. Tha aon àit’ air an abhainn mhòir so tha air ainmeachadh “loch nam mìle eilein”; chunndadh iad, agus tha seachd-ceud-deug eilean ann an aon ruith air an abhain so. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhoir, agus uile gu lèir anabharach aillidh ri amharc orra ’s ri seòladh ’nam measg. Anns na h-aiteacha sin far a’ bheil loch a’ tuiteam a stigh do loch eile mar tha iad a’ tèarnadh le leathad chum a’ chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach ’eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir. Cuairteir nan Gleann, 1841. Mu Reull-iuil na h-airde-tuath. Tha’n reull so furasd a chomharachadh, a thaobh nach ’eil i ’g atharrachadh a h-àit anns an speur ach ro-bheag. Leis mar tha i do ghnà ri faicinn goirid o’n aon àite, tha i na reull-iùil do’n mharaiche, gu h-àraidh a mach air a Chuan. Man d’fhuaradh a chòmbaist a’mach, cha robh riaghailt stiùraidh a b’ fheaar aig a mharaiche n’an reull so, agus eadhon san àm so, ’nuair a tha na speuran soilleir, faodaidh iad ann an iomad àite barrachd earbs’ a dheanamh aisde na a tarrang-art na combaiste. Tha so gu nàdurra gar tarruing gu smaointeachadh air maitheas De, a tha mar so le suidheachadh agus gluasad nan reull, a’ toirt fiosrachadh do dhaoinibh air amananaibh agus air ionadaibh. Esan a tha eolach air gluasad nan reull, innsidh e ann an dùthaich anns nach robh e riamh roimhe, a cheart àit anns a bheil e. Is aithne dha am mios, an latha agus an t-àm de’n latha, co cinnteach ’s gad a bhiodh an t-uaireadair a b’ fhearr aige. Is furasda so a thuigsinn ma bheachdaicheas sinn gu bheil na reultan a’ tighinn na h-uile h-oidhche ceithir mionaidean ni’s luaithe chum an àite san d-thainig iad an raoir; agus uaithe sin gu bheil iad a’ a’ teachd da uair an uaireadair an comhair a mhìos ni ’s tràithe. Mar so an rionnag a tha sinn a’ faicinn an nochd aig deich uairean, ma sheasas sinn san àite cheudua mìos o’n nochd chi sinn a cheart reull sa cheart àite sin aig ochd uairean; agus an rionnag a tha air a mheadhon oidhch’ an nochd calg dhireach os cionn do chinn, bliadhna o’n noch, gheibh thu i sa cheart àite. An so aidicheamaid tròcair chaomh an Tighearn do’n t-saoghal. ’Se so am feum is suarraich a tha na reulta a’ freagradh, ann an cruthachadh Dhe; gidheadh tha so fein na aobhar taingealachd. Bliadhn’ air Deireadh. Tha e air aithris gu robh eilean Iceland cho fad air chùl an t-saoghail ’sna bliadhnaichean a dh’fhalbh ’s nach robh soitheach a taghal ann ach aon uair ’sa bhliadhna. Bha riaghladair air an eilean aon uair, a bha gabhail paipeir naigheachd làitheil a bhatar a clò-bhualadh ann an Denmark. Gheibheadh e paipearan na bliadhn’ air fad ’nan aon phasg, agus thòisichaadh e aig a cheud fhear dhiubh, ’s leubhadh e an darra fear an ath latha ’s mar sin air adhart fad na bliadhna, ’s mu’n ann a bhiodh iad air an leughadh uile bhiodh soitheach air tighinn le pasg eile. Bha e air an dòigh sin a faotainn naigheachdan an t-saoghail cho riaghailteach ri duine bhiodh a’ còmhnuidh ann a fear de na bailtean mòra, ach a mhàin gu robh e bliadhna air deireadh; ni a bha anns na paipearan an diugh cha robh esan ’g an leubhadh gu bliadhna o’n diugh. Minard’s Liniment air son Lòinidh. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh. AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 364] [Vol. 2. No. 47. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . . $1.00 Sia miosan, . . . . .50 Tri miosan, . . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 16, 1894. Tha Breatunn a sior ghreimeachadh air tuilleadh fearainn. Cha’n eil rioghachd ann a’s gionaich ’san dòigh sin na i. Tha i ’n dràsda deigh iomlaid a dheanamh ri Portugal, leis am beil i ’faotainn stiall fearainn a tha ceagal a seilbh aig Rudha ’n Deagh Dhochais ’s an àirde deas Africa ris an Eipheit a tha fo a spòig ’s an airde tuath. Tha còig mile de mhiltean eadar an Rudha agus ceann tuath na h-Eipheit, agus faodar a h-uile ceum dhe sin a shiubhail gun cas a chur air fearann nach eil fo riaghladh chrùn Bhreatuinn! Ma leanas i air a h-adhart mar so cha’n fhada gus am faodair an saoghal a chuartachadh air an dòigh cheudna, mur faodair sin a dheanamh mar tha. Bha’n Fhraing, mar a’s gnàth leatha a’ gearain gu trom air an iomlaid a rinn Breatuinn agus Portugal, ach cha d’fhuair i éisdeachd sam bith. Tha cùisean gle fhad air ais an taobh so dhe ’n chuan Altantach air an t-samhradh so. Tha na Stàitean cho fad air ais mo na’s fhaide na bha iad mu’n am so ’n uiridh, agus tha fhios gu bheil sin a deanamh milleadh mor air Canada cuideachd. Tha malairt cho neo-chinnteach anns an dùthaich sin ré nan naoidh miosan a dh’fhalbh, ’s nach eil luchd malairt deònach a bhi cur an cuid airgid ann am bathar sam bith gun fhios nach caill iad e. Tha mar sin an t-airgiod bu chòir a bhi ’craobh-sgaoileadh air feadh na duthcha, air a chumail ann an cisteachan iaruinn ’s ann an cùiltean dorcha far nach eil e ’deanamh feum sam bith. Tha moran sluaigh (mar bha iad-san an armailt Choxey) nach fhaigh cuirean oibreach ri ’dheanamh, agus tha moran eile, mar tha méinneadairean a ghuail an dràsda, nach eil deònach an obair a gheibh iad a dheanamh. Tha h-uile rud a th’ ann a cuideachadh gus an dùthaich a dheanamh na’s bochda, agus mar a thubhairt sinn, an rud a chuireas na Staitean air ais, ni e ann an tomhas beag no mor, Canada a chur air ais. Air réir na tha sinn a’ cluinntinn, cha’n eil cearna dh’ America anns an fhearr cor agus suidheachadh an t-sluaigh aig a cheart àm na ann an Ceap Breatuinn. Tha ’n t-airgiod, tha fhios, gann gu leòr, ach tha biadh us amhlan pailt; ’s cha leig duin’ iasgaidh sam bith a leas a bhi ’na thàmh le cion obair; tha na méinnean a taomadh a mach a’ ghuail na’s braise na bha iad riamh; tha’n t-iasgach gu math, agus tha ’n aimsir glé ghealltanach do’n tuathanach; air chor, ’s ged a bhios sinn a’ gearain, nach eil idir na h-aobhair againn a tha aig mòran a tha deanamh an dachaidh ann an dùthchannan eile. DH’FHAG an t-each-iaruinn Montreal air latha breth na ban-righ, air son a dhol gu Vancouver, ’s cha d’ ràinig e ’m baile sin gus a cheud latha dhe’n mhios so. Bha pios dhe’n rathad air a thiodhlacadh le ùir us creagan a chuir na h-uigeachan leis na breanntan, agus an àite ’n droighneach sin a ghlanadh air falbh, ’s ann a chaidh iad a dh’ obair, ’sa thog iad rathad ùr air uachdar, agus fhuair na carbadan mar sin thairis gu sàbhailte, ’s cha d’ thainig dad ’nan caraibh tuilleadh gus an d’ ràinig iad an ceann-uidhe. THA’N Antigonish Casket ag innse mu sheann duine, Micheil Boudreau, am Petit de Grate a bha air a mharbhadh le aisling. Chunnaic e ’na chadal gu robh e anns an t-sabhal, agus gu’n d’thug damh mor ionnsaidh air a tholladh. Leis an eagal a ghabh e, thug e leum as an leabaidh, agus a mach air an uinneig. ’S ann air an lobhtaidh a bha e agus leis an tuiteam air an làr, bha e air a ghoirteachadh cho dona ’s gu’n d’thug e ’bhàs an ceann latha no dha. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon deug a dh’ aois. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gllios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 365] [Vol. 2. No. 47. p. 5] NAIDHEACHDAN THA righ na h-Eipheit air chéilidh ann an Sasunn an dràsda. Tha e air aoidheachd aig a bhanrigh ann an caisteal Bhuckingham. BHUAIL bàta-guail a bha ’dol suas Amhainn St. Lawrence an là roimhe ann an soitheach-smuide agus chaidh iad dh’an ghrùnnd le chéile. Chaidh dithis dhaoine bhàthadh. THA e air a radh gu robh eadar fichead us deich mile fichead barailte runnaich air a ghlacadh leis na soithichean Geancach, air a mhios so, mu chladaichean na dùthcha so. THA deich soithichean a bha ’g iasgach nan ròn ann an cuan Bhehring o nach cualas guth o chionn seachdain no dha, ’s thatar a deanamh a mach gu bheil iad air an call. Bha ceud duine ’sa h-ochd air bòrd orra. CHAIDH mathan a mharbhadh ann an Antigonish air an t-seachdain s’a chaidh a chothromaich ceithir cheud gu leth punnd. Mharbh e còig caoraich fhichead air na tuathanaich mu’n cuairt o’n thàinig an samhrdah. THA’N seinneadai airnmeil, Durward Lely, agus a bhean gu bhi anns a bhaile oiche Di-màirt ’s Di-càduinn. Tha e ri bhi seinn òran agus ag innse sgeulachdan Albannach, ni is math a thig dha a réir na chuala sinne. ’S math is fhiach e dhol ’ga éisdeachd. DI-HAOINE s’a chaidh ghabh drochaid air an rathad-iaruinn faisg aìr Winnipeg teine agus bhrist i fo na carbadan ’n uair bha iad a’ dol thairis oirre, ’s thuit iad dh’ an amhainn. Ghabh iad teine as an drochaid ’s chaidh an losgadh na’n smàl. Cha d’ fhuaireadh ni dhe na bh’ annta shàbhaladh. THA teaghlach de’n ainm De Grace ann an àit-eigin ’an New Brunswick an deigh fios fhaotainn as an Spàinn gu bheil dileab air tighinn orra. ’S fhiach an dileab deich mullein fichead dollar ($30,000,000.) Thàinig an teaghlach so, neo iadsan o’n d’ thàinig iad, am mach as an Spàinn o chionn àireamh mhòr bhliadhnaichean. THA fios á Hong Kong ag innse gu bheil plàigh air bristeadh a mach, agus a’ toirt bàs moran sluaigh. Tha mu cheud duine a bàsachadh na h-uile latha. Thuige so cha d’ ràinig a phlàigh air na daoine geala; tha i uile gu léir am measg nàisinnich an eilein. Tha na h-àiteachan anns a bheil iad a’ còmhnuidh anabarrach salach, agus tha ’n luchd-riaghlaidh a’ bruidhinn air na taighean aca chur nan teine air son cur as do’n phlaigh. Tha Hong Kong air cladach China ach tha e nis o chionn iomadh bliadhna fo riaghladh Bhreatuinn. Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar eile. S tha e ’gan creic gle shaor. BHATAR a fosgladh uaigh ann an cladh St. John’s ann an Quebec air an t-seachdain s’a chaidh agus fhuaradh gu robh ’n corp a bh’ air a thiodhlacadh innte air tionndadh gu claich. CHAIDH soitheach smùide air creig aig St. Shotts, Newfoundland Di-luain, Bha da mhile ceann aic air bòrd. eadar crodh us caoraich. Fhuaireadh na caoraich a shàbhaladh, ach bha ’n crodh uile air am bàthadh. THA na coin a’ deanamh sgath uamhasach am measg nan caorach faisg air Truro. Chuir iad as do thri fichead caora ’an aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Tha na tuathanaich a nis dhe’n bharail gu feumair cur as do na coin, no gur co math dhaibh sgur a thogail chaorach. CHAIDH Uillean Kippen, seòladair a leònadh gu dona aig Sidni a Tuath mu mheadhon-latha Di-ciaduinn. Thuit e ’n còir a chuil bhar fàradh air an robh e tearnadh o chliathaich an t-soithich, ’s bhuail cùl a chinn air moide. Chaidh a thoirt do’n ospidal ’sa bhaile so feasgar. Tha na dotairean a deanamh dheth gu’n téid e na’s fhearr. DIOR-DAOIN s’a tighinn tha ’n t-each iaruinn a tòiseachadh air fagail Shidni aig sia uairean ’sa mhaduinn ’sa tilleadh aig fichead mionaid gu deich feasgar. Theirear tìm-chlàran t-samhraidh” ri ao. ’S e ar barail féin gu’m bu cho math ainm eile bhi air; tha ’n samhradh fadalach gu leòr a tighinn, ach tha’n t-atharrachadh so ann an tim ruith nan trains tuilleadh us fadalach. BHA aon uair an àit àraidh, am measg cuideachd, triuir dhaoine, fear á Breatuinn fear as na Staitean Aonaichte, ’s fear á Canada. Chaidh iarraidh air gach fear dhiubh deoch-slàinte a dhùthcha féin òl. Fhuair am Breatunnach cead bruidhinn an toiseach, agus thog e a ghloine, ’s thuirt e mar so. “Tha mise ’g òl deoch-slàinte mo dhùthcha agus samhlaichidh mi i ris a ghréin, solus a’s mò th’ air an t-saoghal.” Air do fhear nan stailean éiridh, thuirt e. “Tha mise ’g òl deoch-slàinte mo dhùthcha, agus samhlaichidh mi i ris a ghealaich, an darra solus a’s mò tha’ air an t-saoghal.” Sheall a chuideachd uile air a Chanadach, an dùil nach b’ urrainn d’a dad a radh, ach dh’ éirich esan air a shocair fhéin, agus thog e a ghloine, ag ràdh.—Tha mise ’g òl deoch-slàinte mo dhùthcha, agus samhlaichidh mi i ri Iosua a dh’ òrduich do’n ghrèin ’s do’n ghealaich seasamh anns na speuran!” Iarr Minard’s Liniment ’s na gabh ach e SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 366] [Vol. 2. No. 47. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. Tha mòran de m’ chompanaich a b’ àbhaist a bhi comhla rium ’s na laithibh ud ’s an t-Siorruidheachd. Tha cuid dhiubh air ceann theaghlaichibh agus cuid dhiubh a chaidh a ghiùlan air sgiathaibh freasdail gu cearnaibh iomallach na talmhainn. Is e so eachraidh gach fear leughaidh a MHIC-TALLA ge b’e aite anns am bheil e ma thainig e gu bheag do lathaichibh. Bha mise “. . . . . . . . . . . ’s an am ud. Anns a ghleann ’s an robh mi òg.” ach chaill an gleann ud cuibhrionn mhor dhe thoilinntinnean dhòmhsa oir cha robh mi nis mar a bha mi ’nuair a bu shubhachas nead glaisein no clachairean fhaotann fodh chloich. O cho doirbh ’s a tha e ri chreidsinn gu’m bheil an aois a tighinn oirnn! Gidheadh tha sinn a fas sean mar gu’m b’ann gu’n fhios dhuinn. Air an t-Sàbaid chaidh mi do’n tigh aoraidh aig cùl na beinne agus shearmonaich mi do lan Eaglais do m’ luchd dùthcha. Is e an t-Urr. Mr. Moireastan a Leòghas is ministeir do’n Eaglais Shaoir ’am Bearntraigh agus tha Maighstir Gilleas à Tigh na Bruaich na Mhinisteir ’san Eaglais Stéidhichte. Tha sluagh an eilean gu h-iomlan ach ceathrar no cuignear a dol a dh’eisdeachd Mhaighstir Moireaston agus cha’n iongnadh e oir is duine anabarach comharaichte e na ghiùlan agus na shearmonachadh. Phòs e nighean do Alastair Mac Rath fear tack Mhiabhaig faisg air ceann bàgh Uig ’an Leoghas. A bharr air cliu Mhaighstir Moireastain bha muinntir Bheanrtraigh o bhliadhna 1843 a’ leantuinn na h-Eaglais Shaoir. Is muinntir a fhuair oileanachadh anabarach ’s an diadhachd a tha ’am muinntir an eilean bhig bhòidhich so. Thugadh an soisgeul do ’n iuunsuidh an toiseach le duine diadhaidh do’m b’ ainm Fionnladh Munro agus bha aobhar an Tighearna air a chumail air aghart na ’measg riamh uaithe sin leis na ceisteirean urramach Fionnladh Macghillinnein agus Domhnull Iain Macgilleathain aig am hheil aon mhac a foghlum an Oilthigh na Diadhachd ’am baile mòr Winnipeg. Is ann aig an duine urramach Macghilleathain a fhuair fear sgriobhaidh a phaipeir so a cheud eòlas air litreachas Gailig agus Beurla. Is e mar an ceudna a thug dha a cheud chuid do dh’ oileanachadh na diadhachd. Ann an ceann trì seachduinean an deigh ruigheachd bha òrdugh suipeir an Tighearna air a frithealadh agus bha na ministeirean a leanas a’ cuideach Mhaighsteir Moireaston, Maighstir Cameron a sgir a Bhac an Leoghas agus Maighstir Iain Macghilleoid a Paible. Bha aimsir fhabharrach ann agus thainig cruinneachadh mòr sluaigh as na cearnan mun cuairt a Boreraigh a Paible, as a Cheathramh Mheadhonach a Clachan a Ghluip, a Loch na Madadh a Port na Long a Strand, as an Ob, agus as gach cearn do Bhaigh na h-Earradh, agus far an Tairbeart. Is e sealladh anabarrach bòidheach a bhi faicinn na’n cathraichean Liteach a teachd cuid dhiubh o Chaolas Sgàine cuid o’n Cheimhlidh, cuid a cheann na Rifeadh agus cuid timchioll Rutha a Mhànais agus iad uile suamh gu trom le luchd do fhearaibh agus do mhnathaibh do ghillean agus do nigheanan a bha tighinn a chum na’n orduighean. Bha an t-seirbheis air a’ cumail air cliathaich Beinn Bhuirgh ann an lagan bòidheach os ceann cul na beinne. Shearmonaich an Camaronach air Diordaoin gu treun bho Ieremiah 14, 7, agus air Dihaoine thug Padruig Mac Neil Mhic Phadruig á Caolas Sgalpaidh dhoibh briathran na ceisd. Laibhair moran de na daoine orra gu h-orduil earachdail. Thug Maighstir Iain a Paible aon de shearmoinean àbhaisteach air Di-Sathuirne agus thug fear sgriobhaidh a phaiper so beagan fhocal anns a cho dhùnadh. (Ri leantuinn.) Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT C. SAUNDERS. Dalhousie. Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, le MINARD’S LINIMENT. ED. LINLIEF. St. Peters, C. B. Leighis mi droch at air each le MINARD’S LINIMENT. THOS, W. PAYNE. Bathurst, N. B. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisean. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 367] [Vol. 2. No. 47. p. 7] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VII.—Air a leantuinn. Bha Gradh air Beatha ag imeachd air ais ’s air adhart mar duine air a bhreth as eughmhais dochas agus gun Dia anns’ an t-saoghal. Bha na siuil air an srachdadh na’m bideagan agus bha Gealach bhagarrach a ruith seachad ann an speuran gruamach. Bha fé ann; agus a sin stàirnn mar gu’m bitheadh mile Trompaidearan a fuaimneachle an Trompaidean. Thuit a ghaillion air an t-soitheach agus thilgeadh an comhair a cinnn anns’ a chuairt-shruth. Chualas scread uamhasach; bha ’n doinionn a nualan agus fuidh bhall-chrith. Thuit ciaradh an anamoich air “Aideachadh o’n leth a muigh” chum a slugadh béo, ach dheirich i rithist—a fagail as a deigh darna leth a sgioba. Gidheadh dh’eirich gu h-olc dhoibhsan a shabhaladh a peirceall Ifrinn, oir bha creagan a sgrios dluth orra. Bha an soitheach a nis làn uisge agus do-smachdachaidh agus bha i air a tilgeadh orra leis na tuinn—bhuail i gu cruaidh, rinneadh da leth dhi agus chaidh i na mirean. Cha do shabhaladh Magus agus a chuid Airigd a mugha le-chéile. Bha “Sgeul a mhor Aoibhneis” mar an ceudna air a glachdadh anns’ a ghaillionn ach bha tuilleadh farsuingeachd cuain aice. Bha Criosduidh—a bha nis gu mòr air irisleachadh—cha ne mhain measarra ach faiceallach agus sgileil, air dha aìthne bhi aig air toil an Tighearna. Dh’àithn Tuigse dha mar an ceudna bhi fuidh dheagh mhisneachd. Ach na maraichean a dh’fhag am fiabhrus beag bha iadsan làn chinnteach gu robh là a bháis air téachd; bha iad cinnteach gu robh dioghaltas an Tighearna air an tòir agus thug iad duil da ’m beatha: Cha robh aon diu ach Timoteus a mhàin a dhireadh an crann. Rè na h-oidhche bha fadal orra airson na maduinn; agus nuair thainig i chunnaic iad an cobhar ag eiridh bho “Rudha gun Dochas.” An sin ghreimich Tòmas, air an robh tuainealaich air a chrann mhor le greim bàis. Dh’lheuch iad uile aodann mhisneachail a ghleidheadh ach sguab gach osag ghaoithe cuid de’m misneachd, oir tubhairt iad gach aon ra chéile, “Fhuair ar peacaidhean a mach sinn.” (Ri leantainn.) Teagasg Oigridh. Ulluich do mhac airson teagasg tràthail, agus cleachd ’inntinn ri briathraidh na firinn. Deann faire thairis air aomadh agus air rùn ’inntinn; cuir ceart e ’n àm ’òige; agus na ceadaich do dhroch cleachda sam bith fàs agus neartachadh le ’bhliadhnaidh. Mar so cinnidh e mar ghallan àluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri ùine os ceann uile chraobhan na coille. Tha mac aingidh ’na chulaidh-mhaslaidh d’a athair, ach esan a ghiùlaineas e féin gu ceart tha e ’na urram d’a cheann liath. Teagaisg ùmhlachd do d’ mhac, agus beannaichidh e thu; teagaisg macantas dha, agus cha bhi nàir’ air; teagaisg dha taingealachd, agus builichear sochairean air; teagaisg dha measarrachd a’s bithidh aige slàinte; teagaisg dha gliocas agus bithidh àgh agus cinneas air; thagaisg dha cearteas, agus coisnidh so dha meas an t-saoghail; teagaisg dha tréibh-dhireas, agus cha’n agair a chridhe féin e; teagaisg dha bhi aghartach, agus meudaichidh, a mhaoin; teagaisg dha fiùghantachd, agus bithidh ’inntinn air a h-àrdachadh; teagaisg dha àrd-ealdhain agus fòd, agus bithidh a bheatha feumail; teagaisg dha diadhachd, agus bithidh a bhàs sona. Iadsan a Phaigh. A. M. Moireastan, Somerville, Mass. Iain L. Brower, New Yòrk. A. R. MacLeoid, Sruileigh, Alba. Aonghas Mac Gilleain, Milan, Que. D. H. Domhnullach, Springhill, do. Padruig Buchanan, do. Murchadh Ros, Toronto, Ont. Cairistine Dhomhnullach, Leitches Creek. Micheil Mac Nèill, Washabuckt. Iain Mac-a-Phi, Seann Bhridgeport. Alasdair Mac Fhionghain, Xmas Island. Uisdean Ros, Port Morien, (Cow Bay,) Uisdean Mac Suain, Bridgeport. Murchadh Buchanan, Big Hill. Eòs Mac Neill, Pòn Mor (50cts.) Mari B. Nic-a-Phiocair, Enon. Catriona Dhomhnullach, Catalone. Aonghas Mac Fhionghain, Brook Village. Domhnull Mac Fhionghain, Roseburn. Eòghan Mac Fhionghain, do. Gilleasbuig Domhnullach, New Boston. Ruairidh Mac Coinnich, Sydney Forks. Dunnacha Domhnullach, Sidni. A. J. Peutan, do. THA rud ri fhaicinn air Loch Ainslie air an t-samhranh so nach fhacas riamh roimhe, ’se sin soitheach beag smùide. Tha i nise fo h-uidheam, agns bi’dh i ’n deigh so a’ cur cuairt air an loch gu riaghailteach. Tha sinn an dòchas gu’n soirbhich gu math leotha-san a chuir air an loch i. Leighsidh Minard’s Liniment an Grip COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” Anns an ACADIA HOUSE Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 368] [Vol. 2. No. 47. p. 8] Cead Deireannach Mhargaree. LE TEARLACH MAC AILAIN BHAIN. Gur moch rinn mi dusgadh San-ur-mhaduin cheit ’S a dhirich mi ’m bruthach Gun duin’ ach mi-fein;— Bha ghrian air a turus A siubhal tro’n speur, ’S dealt na h-oidhche a drudhadh Tro ur-dhos nan geug. ’S mi direadh an aonaich Gu aodann a chuirn, ’S binn torman a chaochain A’s aoidheile burn, Le rois air gach taobh dheth Ag aomadh fo’n driuchd, ’S ri ur-dhealt a cheitein Ag eiridh na smuid. ’S binn spid-oirbh ’s na peasan Gu leadarra seinn; Tha smeorach lan solais A’ ceol as-mo-chionn; Na bo-laoigh anns a gheumraìch Air an reidhlean ud thall; ’S mac-talla nan creagan Ga freagairt air ball. ’S aluinn trusgan a ghlinne Suas gu iomall nan stuc; ’S cubhraidh, boltrach nan luibhean Na m’ chuinnean mar thuis— Ged is boidheach gach doirre Th’ann sa choille gu cul,— Ged tha ’m barach cho urail, Cha duisg e mo shunnd. ’S mi air faobhar a bhruthaich, Gur muladach mi; Ceann-aobhair mo thuireadh Leam ’s duilich ri inns’:— Nach dirich mi tuille Ri monadh no fridh, ’S nach dean mi cuis-abhachd Air abhuinn mo chri! ’S mi shiubhladh gun smalan Air abhuinn mo ghraidh, ’S moch’ shiubhlainn do phreasan Gun eagal gun sgath; Ann san og-mhaduinn chubhraidh ’S an driuchd air an lar, ’Naile dhirinn ri d’ stucan Gun churam ro’mh namh. Ach ’s tim dhomh bhi ’g eiridh ’Us tearnadh o’n aird’;— Cha dean luinneagan feum domh, Cha dean eibheach domh sta, Chionn tha ’m bata gu h-ordail Fo sheol sa Loch Bhan Ni mo ghiulain null thairis Gu abhuinn mo ghraidh. Bheir mi suil thar an bhealaich Air na beannan mu ’n cuairt;— So a sealladh mu dheireadh Air gach gleannan ’us bruach. A’ fagail leigh beannachd ’Nam dealachaidh uaibh, ’S a’ tearnadh an aonaich, Se mo smaointìnn ’tha truagh! Ach’ s diomhain mo smaointinn Agus ’s faoin bhi ri caoidh, ’S cho beag ’s tha do dh’ aonta, Aig daoine air tim;— Ged is blath an fhuil chraobhach ’Tha taosgadh na m’ chridhe,’ ’S ro ghearr gus nach plosg e Fo phlocan sa chìll. Fhir a chruthaich an saoghal ’S a chuir daoine teachd ann, ’S a tha riaghladh gach aon ni Gu ro-naomh anns gach am, Tha u’g eisdeachd ri m’ oran ’Tha mi bronach a’ seinn;— Bidh mi striochdte dha t-ordugh ’S bheir u dhomsa mo roinn. Oran Gaoil a Ghlaisein. Air craoibh ri taobh aimhne bha glaisein beag binn A’ seinn “tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.” Agus dh’ fheòraich mi “eònain, car son tha thu seinn, O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh? An e laige na h-inntinn eòin bheg, tha mi ’g radh” No ’n e boiteag a dh’ ith thu ’s nach urrainn thu chnamh ’Sann a chrath e’ cheann beag ’s cha d’thug freagradh no fàilt, Ach, tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh. ’N sin bhuail e air uchd air a’ ghéig ud ’s e seinn, “O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.” ’S fo dhriùchd fhuair dhe’n fhalas bha mhala bhig ghrinn, “O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh. Thug e osn’ agus ochan us glugan ro-gheur, ’S a mach anns na tonnan do thilg se e féin, Agus dh’éirich mac-talla bho uaigh an fhéin-éig “O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.” Nis tha mise cho cinnteach ’s tha mi nach e m’ ainm “O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh,” Gur e dùil-bhristeadh gaoil a thug air a bhi ’gairm “O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.” ’S ma bhios tusa cho fuarraidh rium, ’s ann bheir mi plumb Mar sud, ’s bidh fios agad-sa de thainig rium: Ach ’s coltach nach glaoidh mi ’s mi ’n tulgadh nan tonn, “O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.” D. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 369] [Vol. 2. No. 48. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 23, 1894. No. 48. Ag Amharc Air Ais. Air tulaich ghuirm ri taobh na tràigh, Fodh sgàile tlàth nan creagan lom; Tha m’ inntinn mar gu’m biodh i snàmh, Ag éisdeachd gàirich throm nan tonn. ’S mi cuimhneachadh nam bliadhn’ a thriall, Mar bhruadar diomhanach nach till, ’S mo chàirdean lionmhor, gràdhach, fiall, ’Tha cnàmh a’n diomhaireachd na cill. C’ò’ bheir an sgeula dhuinn air air, No ’m bi sin glaiste uainn gu bràth? Am faic sinn tuilleadh gnùis am mais; A phaisgeadh ann an glaic a’ bhàis? An cluinn sinn tuilleadh cainnt am beòil, A sheòladh sinn le’n còmhradh glic? An caidil iad a chaoidh fodh ’n fhòid, An dorchadas a bhròin fodh ’n lic? An lean an saoghal-so gu bráth, A bàrcadh air ’us dheth an t-sluaigh! ’S ’g an iomairt mar na tuinn air traigh, An uine gheàrr a bhios an cuairt. Tha linn an deadhaidh linn gun tàmh, Mar abhuinn làn a ruith do’n chuan, ’S mar lusan maoth a thig fodh bhlàth, ’S a bhàsaicheas ’n uair ’thig am fuachd. Tha caochladh sgriobht’ air gnùis gach ni. ’S cha bhuain’ an righ na ’n duine bochd; An glòir ’s an ionmhais cha toir sìth, ’S iad aìg a chrìch gun bhrigh gun toirt. Ach tha ar dùil ri tìr is feàrr, Far am bheil fois do’n ànrach sgith; Far nach bi dealachadh gu bràth; ’S far nach tig bròn no plàigh ’g ar claoidh. Ach fàgaidh sìnn e aig an triath, Am breitheamh ceart nach fiar a’ chòir, ’Thug dhuinn ar tùs ’s dha’n aithn’ ar crioch, ’S a bhios gu suthainn siorruidh beò. N. MACLEOID. ORAID a rinn Mr. Cailein Siosal aig coinneamh bhliadhnail Comunn Gailig Inbhirnis, air a 14mh. la de cheud mios na bliadhna 1881: Fhir na cathrach, fhir na bonn-chathrach, agus a dhaoin-uaisle,—Tha iad a’ cur mu m’ choinneamhsa facal no dha a radh, an cois na thuirt mo charaid Mr. Caimbeul, ann an luaidh air “Clann nan Gaidheal an guaillibh a cheile.” Anns a’ chiad dol sios, is duilich leam gu bheil agam ri aideachadh nach ’eil iad aig a’ h-uile h-am cho dileas “an guaillibh a cheile” ’s a bu mhath leam iad a bhith. Is tric mi smaointeachadh leam fhein gu ’m faodteadh a radh m’ ar timchioll rudeigin mar thuirt Iain Manntach— San uair theid gach cinne a dh-aon-taobh Bidh sinne sgaoilte mu chnoc. Agus cha ’n e mhain gu bheil cuid de na comuinn Ghaidhealach nach ’eil cho aonsgeulach ’s a bu mhath leinn, ach is trom ’s is duilich leam gu bheil aineart agus foineart fo ’n leth a muigh gu tric a’ sgaoileadh mo luchd-duthcha gaolach agus ga ’n cur far an doirbh dhaibh a bhi “an guaillibh a cheile.” Nach bu truagh an t-atharrachadh a thainig air sluagh na duthcha so aig toiseach na linn so fhin, an uair a chaidh 5400 de na Gaidheil fhogradh a Gleann Garraidh, Cnoideart, Strathghlais, agus Coire-Mhonaidh, agus an cur a null thar fairge gu America Bhreatunnch. Goirid roimh ’n am sin thog Tighearna Ghlinne-garaidh reiseamaid de dhaoine ro thapaidh air an oighreachd aige fhein. Anns a’ bhliadhna 1777, thog Ian Ghlinne-Garaidh reiseamaid anns an robh os cionn mile agus ceithir fichead fear; agus sin uile ann an duthaich anns nach faighear an diugh fichead Donullach, no tamhanach sa bith ach fiadh bheothaichean na fridhe, agus caoirich agus coin chiobairean. Bha càirdean dhuinn am measg Ghaidheal America air a’ bhliadhna so chaidh, agus tha iad ag innseadh dhuinn gu bheil na miltean de Ghaidheil beo an diugh ann an Ceann Tuath America, a rugadh ann an glinn ar duthcha agus a chaidh fhogar a dh-aindeoin a tir an duthchais. So agaibh a chunntais a thug an “Ceiltach coir” dhuinn aig a choinnidh mhoir a sheas ann sa bhaile-so air an 21 la don mhios so chaidh, an run Laghannan an fhearain afharachadh. “’Nuair chunntadh an sluagh a’m bliadhna 1871, bha ann an cearnaidh Nova Scotia na h-aonar 14,316 do shluagh a rugadh an Alba, 7558 a rugadh an Eiriun, agus 4000 a rugadh an Sasunn. Agus ann am Mor-roinn Chanada 550,000 de shliochd Albannach. Agus a chuid is modha de’n aireamh mhor sin na’n clann Ghaidheal.” Nach b-iad na daoine gun chiall na Tighearnan Ghaidhealach a chuir air falbh an cuid sluaigh? Cha d’ thug mi dhuibh ach beagan de’n aineart a chaidh a dheanamh am bun an doruis againn a’ so, ach cha cheadaich bhur n-uine dhomh dol thairis air na thachair de’n obair sgriosail cheudna ann an aiteachan eile. Ach diubhalach agus ma tha an caramh a thainig air an t-sluagh, neo-ar-thaing mur d’ eirich a’ cheart cho olc do’n luchd-foirncart, oir air an latha ’n diugh, tha a’ chuid mhor dhiubh gun phloc fearainn, agus gun sion a lathair ach an droch ainm a choisinn iad daibh fein, agus an deadh chliu a bha aig an aithrichean. Olc ’s mar bha bhuil, tha mi toilichte nach deachaidh cur as gu buileach ’do na Gaidheil, agus a reir coltais tha an t-am dluth anns an eirich a’ ghrian orra fhathast. Tha iad a’ togail an cinn; agus is i mo bharailsa ged nach biodh againn ach an comùnn cridheil so fhein, cruinn fo bhratach Comunn Gaidhealach Inbhirnis, gu’m faodamaid misneach a ghabhail a chionn gu bheil comhlan cho tuigseach, gramail a’ ghabhail os laimh sealltainn as deigh ar cor agus ar leas a chur am feobhas. Mar mhisneach, do chlanna nan Gaidheal, agus gu neartachadh an toil gu seasamh, theirinn riu, mar thuirt Donull Gobha, am Bard Glaiseach— Na gabhaibh eagal a cuan, Faichibh mar sgoilt a’ Mhuir Ruadh, A’s cumhachdan an Ti tha shuas, An diugh cho buan ’s an ceud la. MA thig frasan math’ uisge an ùine ghoirid, bi’dh dùil againn ri bàrr math feòir fhaicinn air an eilein so. Tha deagh choltas air an dràsda ach cha bhi ’n tiormachd so fada ’ga mhilleadh. [TD 370] [Vol. 2. No. 48. p. 2] BEINN AN EOLAIS. LEIS AN URR. D. B. BLAIR, NACH MAIREANN. Ann an aimsir sin de’n bhliadhna nuair a ni soilleireachd agns ciuineachd nan speur, na measan eagsamhuil a tha cuirneachadh an lair, duilleach eas-dathach nan craobh, agus gach adh milis, ach seargach, a ta air an fhogharadh shunndach, an inntinn fhosgladh gu deagh run, agus a chuireas iad i ann an suidheachadh air son meomhrachaidh, bha mi a’ farsanaich ann an duthaich bhoidhich, ard bheannaich, gus an do thoisich m’annos air geilleadh roimh sgios, agus shuidh mi sios air sgor creige a bha air a comhdachadh le coinich, far an d’ rinn fuaim nan duilleag a’ tuiteam, tormanaich nan eas, agus borbhanaich nam biltean fas as m’ inntinn a thaladh gu samhchair iomlan, agus dh’ ealuigh an codal gun mhothachadh a steach orm am feadh s bha mi leigeil ruith leis gach faoin bheachd taitneach a rinn na cuspairean m’un cuairt orm a dhusgadh a’ m’ inntinn gu nadurra. Fhuiar mi mi fein air ball ann an conard reidh, farsuinn, sinteach, aig an robh beinn mhor ag eirigh suas as a mheadhon na b’ airde na bha beachd agam roimhe air i bhi. Bha sluagh mor air a’ bheinn, gu h-arair oirgridh; bha moran diubh a’ dian-ruith air au adhart agus an gnuis a’ taisbeanadh comharan ro bheothail air deineas an inntinn, ged a bha an t-slighe ann an iomad aite cas, docrach, agus ro gharbh. Thug mi fainear gu’n robh an dream, nach d’ rinn ach toiseachadh ris a’ bheinn a streap, an duil nach robh iad air an aghaidh bha beanntin ura ag eirigh daonnan ’nan sealladh; agus cha robh ann am fireach na te a b’ airde a bheachdaicheadh iad roimhe ach bonn te eile, gus an robh a’ bheinn fadheoidh cosmhuil ri i fein a chall anns na neoil. Am feadh a bha mi a’ geur-amharc air na nithibh so le h-ioghnadh chunncas fear-teagaisg cairdeil laimh rium gu h-obann agus labhair e mar so. “A’ bheinn sin a ta fa do chomhair,” ars’ esan, “is i beinn an Eolais. Air a mullach tha teampull na Firinn, aig am bheil a ceann os cionn nan neul, agus tha brat de sholus fior-ghlan a’ falach a gnuis. Beachdaich air triall a luchd-leanmhuin; bi thusa tosdach, agus furachail.” An deigh dhomh nithean eagsamhuil a thoirt fainear thionndaidh mi mo shuil ris a’ mhor-shluagh a bha direadh a’ bhruthaich chais; agus bheachdaich mi’ ’nam measg oganach aig an robh sealladh beothail, suil bhiorach agus a bha rud-eigin teineil, agus mi-riaghailteach ’na uile ghluasadaich. Se a b’ ainm dha ciallmhor (genius). Thug e saighdeadh as mar iolair anaird a’ bheinn agus dh’ fhag e a chompanaich ag geur-amharc ’na dheigh le farmad agus le h-ioghnadh; ach bha a thriall mi-chomhnard, agus bhacadh a shiubhal le mile breathal. Nuair a sheinneadh Saimh a ceileir binn anns a’ ghleann reachadh esan am measg a cuideachd. Nuair a smeideadh uabhar ris teachd a dh-ionnsuidh bile na creige ghabhadh e misneach dol ann, ged a bha am bile a’ crith fo a chasaibh; bha e a’ gabhail mor thoileachais ann an ceumannaibh taoibh as an t-slighe nach d’ fheuchadh riabh roimhe: agus rinn e cho liugha leum bharr an rathaid as gur tric a dh’ fhag a chompanaich a b’ anfhainne e air dheireadh. Chunnaic mi gu’n robh a’ cheolraidh (the Muses) ag amharc air le leth-bhreth, ach dh’ amhairc an Fhrinn air gu minic le muig, agus thionndaidh i a gnuis a lethtaobh. Am feadh ’s a bha Ciallmhor mar so a’ caitheamh a spionnaidh le leumannaidh taoibh o’n fhior ghnothach, chunnaic mi neach eile air an robh coltas calg-dhireach an aghaidh so, d’ am b’ ainm Dur-aire (Application.) Shnaig esan air adhart le ceum mall gun stad, ’s a shuil suidhichte air mullach na beinne, se gu foighidneach a’ carachadh gach cloiche a chuir grabadh air a cheum, gus an d’ fhag e as a dheigh moran diubh-san a rinn air thus tair air a thriall mall saothaireil. Gu firinneach bu tearc iad a dhirich a’ bheinn le seasmhachd chonaird agus neo-bhristich; oir a bharr air dorradas na slighte, bha iad daonnan air an taladh gu tionndadh a thaobh le buidhinn lionmhoir de Chiocrasaidh (Appetite) de Aignidhibh (Passions) agus de Shaimhean (Pleasures,) a bha cho liosda ’s nan aontaicheadh iad aon uair leotha bhiodh an comas a’ fas na bu lugha ’s na bu lugha gu cur ’nan aghaidh; agus ged is minic a dh’ ath phill iad a chum na slighe, bha gairbhead an rathaid air fhaireachdainn leo na bu ghairbhe; na measan a bha roimhe fallain agus urail, dh’ fhas iad searbh agus droch-bhlasda, dh’fhas an sealladh dorcha; agus thuislicheadh an casan aig gach grabadh bu lugha. Chunnaic mi le mor-ioghnadh gun robh a’ Cheolraidh, d’ am bu ghnothach misneach agus sunnd a chur air an dream a bha gan saruchadh a’ direadh a’ bhruthaich, gu tric a’ seinn ann an doireachan badanach na saimh, agus a’ toirt coimheadachd dhoibh-san a bha air an taladh air falbh leis na h-Aignidhibh; gidheadh cha d’thug iad coimheadachd dhoibh ach uighe ghoridh; agus threig siad iad daonnan nuair a chailleadh iad sealladh air a’ bheinn. Dhublaicheadh na h-aintighearnan an sin an slabhruidhean air na ciomaich mhi-shona; agus threoiricheadh siad air falbh iad gun bhacadh gu cuiltibh an Aineolais agus gu ionadaibh comhnuidh na Truaighe. Am measg an Luchd-meallaidh do-aireamh a bha ag oidhirpeachadh ri luchd-leannhuinn an Firinn a tharuinn air falbh o cheum an Eolais bha aon a bha cho neo-eagallach ’na coltas, agus cho foil us fann na h-ionnsuidhibh as gur gann a bheirinn an aire dhi, mur bhith an aireamh mhor a rinn i a luchdachadh le a slabhraidhean gun mhothachadh aca air sin. Se an Leisg a b’ ainm dhi, agus bha i fada bho eirigh air cogadh riutha as an aodun; cha d’thug i ionnsuidh air an cosan a thionndadh as an t-slighe; ach thoilich si i fein le bhi cur maille air an triall; agus an run sin nach b’ urrainn di a thort orra a threigsinn, chuir e impìdh orra dail a chur ann. Bha cumhachd aig a buille cosmhuil ri cumhachd a’ Chraimb-eisg (Torpedo) nuair a bheanas se ri neach sam bith, oir bhair e an lus as an h-uile neach ris am bean e. Bha a braighdean mi-shona fathast a’ tionndadh an aghaidhean ris an teampull, agus daonnan an dochas gu’n ruigeadh iad sin, ach bha an talamh mar gu’m b’ ann a’ sleamhnachadh fo ’n cosaibh, agus fhuair siad iad fein aig an iochdar mu’n d’thug iad fainear gun do charaich iad as an laraich. A’ chiuineachd sheimh sin a bha air tus ri fhaicinn ’nan gnuis chaochail i uigh air n-uigh gu airsneal gruamach agus marbhantas duilbhear, air an robh dreach an dubh-bhroin a’ sior dhol nas truime a reir ’s mar a bha iad a’ sleamhnachadh gu samhach sios air sruth na Mis-peadharachd, uisge dubh mall nach eil air a phreasadh le aon oiteig, nuair a bhlothachadh le aon torman, gus am bheil e a’ tuiteam a staigh ann am Muir-mharbh far am [TD 371] [Vol. 2. No. 48. p. 3] bheil an luchd-turuis a’ clisgeadh ’s a’ mosgladh leis a’ chrathadh a gheibh iad, agus air an ath mhionaid theid iad fodha ann an Doimhne na Diochuimhne (Gulf of Oblivion.) Am measg nan daoine mi-shona a threig ceumannan an Eolais cha robh neach sam bith aig an robh na bu lugha de chomas gu pillltinn air ais na luchd-leanmhuinn na Leisge. Ghlacadh braighdean nan Ciocras agus nan Aignidhean an cothrom, nuair a bhiodh na h-aintighearnan so ’nan cadal no fo airsneal, gu dol as bho ’n geasaibh; ach bha tighearnas na Leisge seasmhach agus buan-mhaireannach agus is ainmic a chuireadh iad ’na aghaidh gus am bu diomhain teannadh ris. An deigh dhomh bhi beachdachadh air na nithibh so thionndaidh mi mo shuilean ri mullach na beinne far an robh an t-athar daonnan fior-ghlan agus lan suilbhireachd, agus na rathaidean air an dubrachadh le luaidhrealaibh agus preasan eile a bha urar do ghnath, agus an drilleanachd a bha boilsgeadh ’na gathannaibh o ghnuis an Eolais mar gum b’ ann a’ dortadh a mach gloire mu’n cuairt air a luchd-leanmhuinn. “Is sona an dream,” arsa mise, “a gheibh cead a’ Bheinn a dhireadh.” Ach am feadh a bha mi ’g eigheach so le deineachd neo-ghnathaichte, chunnaic mi ’na seasamh laimh rium neach aig an robh aogus neamhaidh agus dealradh grasmhor. “Tha iadsan nas Sona,” ars’ ise, “a tha air an treorachadh le subhailc a dh’ionnsuidh ionada-comhnuidh an toileachais-inntinn.” “Ciod,” arsa mise, “am bheil Subhailc ma ta a’ gabhail comhnuidh anns a’ ghleann?” “Gheibhear mi,” ars ise;” “anns a’ ghleann, agus tha mi a’ soillseachadh na Beinne. Tha mi cur sunnd air a choitear, nuair a bhios e aig obair, agus tha mi deachdadh do ’n Fheallsanach nuair a bhios e a beachd-sumuaineachadh. Tha mi dol am measg mor-shluagh nam bailtean mora, agus a’ beannachadh a mhanaich ’na chuil uaignich. Tha teampull agam anns gach cridhe a dh’ aidicheas mo chumhachd; agus dha-san a ghuidheas air mo shon tha mi cheana lathair. Faodaidh Eolas do thogail gu Ard-inbhe agus mor chliu, ach is mise a mhain a threoraicheas thu gu sonas agus aghmhoireachd.” Am feadh a bha Subhailc a’ labhairt mar so, shin mi mach mo lamhan d’ a h-ionnsuidh le deineas a rinn mo dhusgadh as mo chadal. Bha an driuchd fuar a tuiteam mu m’ thimchioll, agus bha dubhar an fheasgair a’ sineadh air aghridh an fhuinn. Dheifrich mi dhachaidh; agus chaith mi an oidhche gu tosdach an am beachdsmuaineachadh. An Seol air an Deanar Airgiod. Leig seachad gnothuch gach neach eile, agus thoir an aire do d’ ghnothuch fein. Na ceannaich an ni sin nach ’eil a dhìth ort. Gnàthaich gach uair chum buannachd, agus feùch gu’n cuir thu t-uairean diòmhanach gu deagh bhuil. Smuainich a rìs mu’n tilg thu fiu na sea-sgillin air falbh gu h-amaideach, agus cuimhnich gu’m bheil té eile agad r’a dheanamh na h-áite. Biodh e dhuit mar chulaidh-shùgraidha a bhi ’toirt an aire do d’ ghnothuch fein agus mar sin cha dearmadar do ghnothtch an uair a bios tu an toir air culaidh-shugraidh. Ceannuich ìosal, reio cothromach, agus gabh curam de’n bhunnachd. Na biodh do sùil an déigh na sgillin a bheir thu do’n deircean thoiltinneach. Gléidh do leabhraichean-cùnntais gu riaghailteach, agus ma gheibh thu fiù a’ bhònn-sea a’m mearachd faigh a mach agus ceartaich e. Dean ceartas teann edar duine agus duine, agus ged a bhiodh e ’nad’ chomas na meall neach eile anns a’ chuid a’s lugha. Na iàrr dà phrìs, ach reic air an aon sgillin ris an uachdaran agus ris an iochdaran. Ged a thuiteadh buille mi-shealbhach ort ’nad’ cheaird fein, gabh cùram fosgail do shùilean, oibrich ni ’s cruaidhe, agus ma tha e idir ’nad’ chomas na gèill. Còmhlaich cruaidhchas agus téinn le buan-sheasmhachd gu’n sgìos agus teichidh iad a’ chuid ’sa chuid air falbh. Agus ged a dh’ fhàilnicheadh thu nad’ ghleacadh ri cruadal, measar airidh air urram thu; ach géill anns a’ chùis, agus, nithear dìmeas ort. Na tig beò os ceann do chumhachd, agus ged nach robh agad ach sgillin Shasunnach ’san là, caomhain an deicheamh earrann di. Le bhi ’leantuinn nan riaghailt so, le beannachd, cha’n eagal nach teid a’ chuis leat. Dean ceartas, diòl gu h-ealamh gach fiach agus mar sin faigh do dhlighe fein. Na rach a’n urras air neach ’sam bith ged bu bhrathair e. Ma ni thu sin cha’n ’eil teagamh nach dean thu do charaid ’na namhaid, a thuilleadh air gu’m fuiling thu càlldach nach fhurasd duit a dheanamh suas. Cùm t-fhocal gu poncail treibhdhireach, cuir do dhòchas ann am freasdal an Ti a’s Airde, iarr a bheannach-san air do dhìchioll, agus cha’n eagal duit. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINEID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 372] [Vol. 2. No. 48. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . . $1.00 Sia miosan, . . . . .50 Tri miosan, . . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 23, 1894. GHEIBH ar luchd-leughaidh anns an àireamh so dàn no òran ùr le Niall Mac Leòid bàrd air am bheil iad uile eòlach. Is e so a cheud óran leis a bhàrd ainmeil so a fhuair MAC-TALLA direach uaithe fhéin, agus tha sinn ’ga mheas ’na chomain agus ’na onair mhoir. THA romhainn tòiseachadh anns an ath àire amhair eachdraidhean goirid a thoirt air imrich nan Gàidheal do Chanada. Tòisichidh sinn le cunntas a tha Callum Mac Fhearghais a toirt dhuinn air turnas-cuain troimh ’n deachaidh e-fhéin an uair a bha e tighinn a nall. An deìgh sin chò-bhualaidh sinn eachdraidh Bhartimeuis, a tha ’g innseadh mu cheud-aiteachaidh Mhalagawatch. An deigh sin gheibh ar luchd-leughaidh eachdraidh nan Gàidheal a shuidhich ann an Eilean a phrionnsa, air a sgriobhadh le Murchadh Mac Laomuin. Ni na h-eachdraidhean so, maille ris na bhios “Diarmad” (o’n cluinn sinn a ùine ghearr) a toirt dhuinn mu Ghàidheil Ontario, solus a chur air staid us cleachdaidhean nan Gàidheal a chuir cùl ri tir an dùchais agus a rinn dachaidhean dhaibh fhéin ann am fàsaichean coillteach America. Martuinn Mor a Bhealich. Bha Domhnull Martuinn a fuireach faisg air Duntuilm san Eilean Sgiathanach. Phos e Iseabal, nighean do dh-Alasdir Og Domhmullach, agus piuthar do Chaiptin Somhairle. Bha cethraar mhac aige agus ceathrar nighean. B’ iad na mic Martuinn, ris an abirteadh Martuinn Mor a Bhealich, Aonghus, Lachinn, agus Domhnull. Bha Lachinn na cheanniche. Bha Domhnull na mhinistir. Rugadh e sa bhliadhna 1750. Phos e sa bhliadhna 1788 Anna Dhomhnullach. Bha coig mic aige agus coig nighean. B’ iad na mic Domhnull, Tormaid, Sir Seumas, agus Alasdir. Bha Sir Seumas na lighiche ainmeil Chaochail Mr Domhnull an strath Spe ’sa bhliadhna 1838. Ged nach freagradh e do dh-fhear a chota a bhi cur a spionnidh an cleachdadh bha e a reir iomraidh cho laidir ri Martuinn Mor, a bhrathair. ’S e ogha dha a bha ann an Sir Domhnull Martuinn Stiubhart, a bha na cheannard airm ’s na h-Innsean. Rugadh Martuinn Mor a Bhealich mu ’n bhliadhna 1740. Bha e na dhuine cho tlachdmhor ri ’fhaicinn ’s a bha san Eilean Sgithanach. Bha e laidir, foghainteach. Phos e nighean Mhic-Leoid Rathasa. Bha dithisd nighean aige rithe, Sine agus Iseabal. Bha Sine posda ri Frangach. Bha Iseabal posda ri Martuinn Martuinn an Duntuilm. Bha Martuinn Mor a Bhealich a comhnuidh an Lachasa ’n uair a dh’eug e. Bha oidhche stoirmann ’s bha ’n t-uisge a tighinn a staigh troimh mhullach an taighe. Thoisich a bhean air gearan nach robh sgliat air an taigh mar a bh’ air ’taigh a h-athar. Dh’ eirich Martuinn ’s chaidh e am mach a chur ceart an tughidh. Fhuair e fuachd thug a bhas. Ged is math na boirionnich is iomadh olc a rinneadh le ’n teanga. Bha gaol aig Martuinn Mor bho laithibh oige gu latha a bhais air banarich do ’n b’ ainm Beathag. Cha ghearaineadh Beathag air an t-snighe. Rinn Niall Mac-an-Aba cumha do Mhartuinn Mor. Bugadh Niall aig ceann a Bhaighe mu’n bhliadhna 1740. Greis an deigh dha fas a suas dh’fhag e am Bagh ’s thug e Cille-Mhoire air. Dh’ eug e mu’n bhliadhna 1818. Dh’fhag e da mhac agus da nighinn. Bha fear de mhic, Iain Ruadh, na mhaighstir-sgoile. Rinn Niall Mac-an-Aba iomad oran, ach ’s e is docha gun do leig an t-aineolas is cion tuir leotha a dhol air chall. Tha ’n cumha a rinn e do Mhartuinn a Bhealich anns an 37 aireamh dhe’n MHAC-TALLA. Bha Martuinn na charid math dha. MURCHAID MARTUINN. Sept. 3, 1888. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gillios & Mac Eachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 373] [Vol. 2. No. 48. p. 5] NAIDHEACHDAN CHA’N eil na naigheachdan glé phailt air an t-seachdain so, ach mar tha ’n sean-fhacal ag radh, ’s math an naigheachd a bhi gun naigheachd idir. THA e air radh a mis nach robh na tuiltean ann an Columbia Bhreatunnach idir cho mor no cho milltach ’sa bha ’n t-ainm, agus gu’m b’ iad na Geancaich, (a bhios an còrnhnuidh a cur sios air Canada) a rinn an sgeula cha dona. CHAIDH mèinn Chaledonia na teine ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich, ach fhuaradh a chur as an ceann dha no tri dh’ uairean. Bha seachd eich air an tachdadh leis a chò. Cha’n urrainnear a mhèinn oibreachadh gu ceann tri no ceithia de sheachdainean. THA gualadairean nan Stàitean air a dhol a dh’ obair a rithist; rinn iad fhèin ’s sealbhadairean nam mèinnear còrdadh a thaobh tuarasdail. Chailleadh fichead muillein dollar fhad ’sa bha na mèinnean na’n tàmh. Is ioma latha bhios iad ag obair mu’n deanan suas an call sin. BHA Erastus Wiman, mu’n robh moran air a radh san duthaich so ceithir no còig bliadhna air ais, aig cùirt air an t-seachdain so ann an New York air son a bhi tarruinn airigid as a bhanca le paipearan-meallta. Fhuaradh ciontach e agus thug am breitheamh dha coig bliadhna ’s sia miosan dhe’n tigh-oibreach. CEARTACHADH.—Anns an 45mh aireamh dhe’n MHAC-TALLA, bha eachdraidh ghoirid air Rarsaidh leis an Urr. Calum Caimbeal. Rinneadh mearachd bheag anns a chlò bhualadh a tha sinn air son a cheartachadh. An àite, “Se ro is aobhar gu’n cainte Siol Thorcuill ri Leodaich Dhun-bheagain agus na h-Earradh,” ’s ann bu choir e bhi mar so, ’Se so is aobhar gu’n cainte Siol Thorcuill ri Cloinn Leoid Leodhais agus Siol Thormoid ri Leodaich Dhun-bheagain agus na h-Earradh. FOGARRACH MHEGANTIC,—O chionn àireamh bhliadhnaichean bha duine aig Loch Megantic, ann an mor-roinn Quebec da’m b’ ainm Domhnull Moireastan, a loisg air maor a chuireadh g’a ghlacadh, ’sa thug ùine mhor an deigh sin dùbhlan do oifigich an lagha greim a dheanamh air. Ach rinn iad greim air mu dheireadh thall, agus chaidh a chur ’an tigh oibreach. An deigh a chur a stigh thuit e ann an caitheamh throm agus o chionn ghorird bha e cho fad air ais ’s gu’m facas iomchuidh leis an luchd-riaghlaidh a leigeil m’a sgaoil. Thugadh as an tigh-oibreach do’n ospidal e s’a mhaduinn Di-màirt s’a chaidh agus feasgar an latha sin féin chaochail e. Naigheachdan Amhuinn Dhennis. Tha teans an t-samhraidh air tighinn agus tha’n aimsir gle thioram. Tha daolagan a bhuntàta cho pailt air a bhàrr ùr ’sa b’ àbhaist, agus tha e coltach gu’m feum sinn am “puinnsean guineach Frangach a thorit dhaibh, no bithidh sinn mar thuirt am fear eile, “a bristeadh ar caoldruim feadh nan raointean as an deigh. Tha mi duilich aithris mu bhàs Ailein N. ’Ic Gilleain, gille òg gealltanach a chaochail aig Valley Mills air an treas latha deug d’ an mhios so. Chaochail ’athair ’san fhoghar s’a chaidh, agus an taobh a stigh de thri bliadhna roimhe sin, a mhàthair ’sa dhithis pheathraichean. Tha bean A. R. ’Ic Coinnich agus a brathair, N. D. Mac Coinnich, a Great Falls, Montana, an so air chuairt beagan mhiosan maille ri’n cuideachd. Tha “Tearlach Mac Ailein Bhàin” ùghdar, “Cead Deireannach Mhargaree,” a cur seachad an t-samhraidh seachad ’nar measg. Ghabh e dhuinn, an la roimhe, àireamh d’a chuid orain agus ’s e mo bharail fèin gur math is fhiach cuid dhuibh a bhi air an clò-bhualadh. X. Y. Z. Iun, 20, ’94. Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar eile. S tha e ’gan creic gle shaor. SHEINN Durward Lely anns a bhaiel oiche Di-màirt ’s Di-ciaduinn. Bha’n talla gu math làn a cheud oiche, ach cha robh ach taosg beag ’g a éisdeachd an darra h-oiche. Tha iad ag radh gur h-e seinneadair a’s fhearr riamh dh’an eillein. THA Mr. Gladstone a dol gu math na’s fhearr. Bha sgleò a bha ’fàs air té dhe shùilean air a ghearradh dhith o chionn còrr us da sheachdain agus tha ’fhradharc a nis cho math no na’s fhearr na bha e roimhe. Tha cuid a’ deanamh dheth nach bi ’n ùine fada gus am bi e air ais ’sa phàrlamaid a rithist. Minard’s Liniment air son Lòinidh. BAIS. Aig Clarke’s Road, an 26mh là dhe’n chéitein, Máiri Anna, bean Sheumais ’Ic Gilleain, 27 bliadhna dh’aois. Aig an aite cheudna, an 31d là dhe’n chéitein, leanamh mic le Seumas Mac Gilleain, 11 latha dh’ aois. Aig Sidni a Tuath, an 8mh. la dhe’n mhios so, Iain D. Donhnullach, 48 bliadhna dh’aois. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha ’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 374] [Vol. 2. No. 48. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. Air an t-Sàbaid Shearmonaich an Cameronach bho na briathran. “An ti nach do chaomhain a mhac féin ach a thug thairis e air ar son, cionnas maille risan nach toir e dluinn gu saor na h-uile nithean.” Shuidh tri Bùird agus chaidh an sin focal earail a thoirt dhaibh ’s an dealachadh. Thug mise focal ’s an fheasgar dhoibh. Bha an eaglais cho làn sa chumadh i. Air Diluain thugadh dà shearmon ’s an dealachadh dhoibh agus an sin sgaoil iad gu bhi dealachadh, cuid dhiubh gu siorruidh. Bha òrdugh suipeir an Tighearna air a fhrithealadh ann am Màinis ’s na h-Earradh ’muair a bha mi aig an tigh cuideachd. Bha na h-Urr. Iain Macilleathain f’ar an Tairbeairt, Maighstir Moireaston a Beàrntraigh, agus Maighstir Mac Aoidh a Tiridhe mi féin a’ seirbhiseachadh aig an òrdugh. Thug Maighstir Moireaston searmon do mhuinnìir Rothadail agus Shranda air Dirdaoin ann an Eglais Rothadail. Thug mi iomradh a cheana air an togail so. Is ann aig an Eaglais Stéithichte a b’ àbhaist an eaglais so a bhi air son seirbhis ach an diugh tha i aig an Eaglais Shaoir. Thug ministeir Sgarastaidh oilbheum mòr do Thighearna Dhunmòr aon bhliadhna ann a bhi a reic na seilg air a chlib ri Sasunnach. ’S e ’thàinig as a sin gu ’n d’ thug Dunmòr Eaglais Rothadail uaithe agus gu’n d’ thug e do mhuinntir na h-Eaglais Shaoir i. Air feasgar Dirodaoine fhuair sinn aiseag ann am bàta iasgaich Dhomhnuill Mhic Thormaid Mhic Shomhairle gu Màinis. Bhà a ghaoth gu math beò agus direach n’ar n’ aghaidh. Bha i fuidh thri chinn a chuid bu mho de ’n astar, ach ged a bhà, rinn gleusdachd stiuiridh a sgiobair ar tabhairt gu teurainte agus tioram gu ar ceann uidhe. Thug banntrach Mhaighstir Davidson caidreamh fhuranach dhuinn. An uair mu dheireadh a choinnich cuid againn rithe bha a companach beò agus bu deas an seann mhinisteir air a chosaibh e. Bha e beagan agus ceithir fichead bliadhna a dh’aois an uair a caaochail e agus chaith e a bheatha mar mhinisteir gu h-iomlan eadar Màinis agus Sgarastadh no na Buirgh. Is iomadh latha sgìth a choisich e, a coiseachd tarsuinn mòinteach nam Borgh. Thog iad teaghlach measail de nigheanan. Tha te dhiubh pòsda aig aon do dh’ uaislean na Spàine, te eile pòsda aig an Urr. Maighstir Mac Aoidh a Tiridhe agus te eile aig Maighstir Mac Rath Fear Bhuirgh Bhig. Aig an ordugh bha na seirbhisean air a frithealadh air an dòigh àbhaisdich. Air latha na Sàbaid Shearmonaich Maighstir Macilleathain roimh na Bùird. Thoisich an t-seirbhis aig meadhon-la agus lean i gu leth-uair an deigh a cuig. Thug an searmon ceithir uairean gu leth leis. Bha cuid dhe na bodaich gu math sgith dhe ’n chnoc (oir ’s ann air an raon a bha sinn) agus bha an cnoc gu math sgith dhiubhsan. Tha e àbhaisteach do Mhaighstir Iain searmoinean mòra tomadach a thoirt seachad. Is e diadhair Gàidhlig cho cumhachdach anns an fhìrinn ’s a dh’eisd mi ach aineamh riamh ris. Tha e air aithris mu thiomchioll gu’n do chuir coimh-thional a Bhac ’an Leòghas an uair a bha e aca na mhinisteir fa near clock mòr a chur mu ’choinneamh ’s an eaglais. ’S e thuit a phiuthar riutha. “Is sibhse a tha gòrach; bu cho math dhuibh tuirneap a chur fa chomhar ri clock oir cha toir e fa near e fad an t-searmoin,” agus bha i ceart. (Ri leantainn.) Minard’s Liniment a’s fhearr. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT C. SAUNDERS. Dalhousie. Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, le MINARD’S LINIMENT. ED. LINLIEF. St. Peters, C. B. Leighis mi droch at air each le MINARD’S LINIMENT. THOS, W. PAYNE. Bathurst, N. B. Iarr Minard’s Liniment ’sna gabh ach e. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 375] [Vol. 2. No. 48. p. 7] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VII.—Air a leantuinn. Leig iad sios an acair ach cha do ghrunnaich i; chriothnaich an Compaisd. Ghlaodh na maraichean ri Dia—le glaodh àrd agus searbh, agus tra bha iad a glaodhaich, dh’éisd an Tighearna agus trid beul a sheirbhisich Tuigse thubhairt e riutha. “Na bitheadh eagal oirbh ach a mhain Creidibh.” An sin bha e air fhoilseachadh do Chriosduidh gu robh eadar iadsan agus “Rudha gun Dochas”—Creag ris an abradh iad “Creag nan All,” agus na ’n tuisleadh iad Oirre gu’n bitheadh a soitheach air a pronnadh na sgealban; ach air cùl na creige bha àite dion bho ’n ghaoith agus fasgadh o’n doinionn. Nuair chuala na maraichean uime so bha iad subhach agus dh’fheith iad air a son troimh chobhar agus cheo agus tiugh dhorchadas, gus na bhrist a ghrian troimh na neòil agus carraig coltach ri Righ-chathair Dhé: Air a beulthaobh bha na tuinn air bhoil air a cul-thaobh bha fé. Rainig iad a fasgadh, agus bha iad sabhailt bho eagal uilc. Nuair thainig fuasgladh, ’s gann a chreideadh iad a sùilean; oir ni an dochas anns’ an cuirear moille an cridhe tinn. Leig iad an acair sios, agus bha iad ri geur—amharc air a chreig a bha mar gu’m beadh air eiridh as an doimhne mhòir—eadhon mar slanuighear o’n uaigh. Ann a scoltadh na creige bha beòthobraichibh uisge, craobhan blàthan agus Ionad—naomh. Bha a bunaitean farsuing agus domhain; bha a taobhan air an reufadh leis an dòinionn; a fior—mhullach dol as an t-sealladh ann an corp nan speur agus comhdaichte le neòil; An sin dh-àrdaich Criosduidh an Tighearna a shabhail iad le neart. An fhad so bha eagal orra dol air tìr, ach chual iad guth: Cuiribh-sa bhur dòchas anns an Tighearna do ghnàth oir anns an Tighearna Iehobhah tha Carraig nan àl. Gh-abh iad fasgadh fo sgàil na creige gus an robh na h-uile so uile thairis. Bha ghrian a nis air èiridh, agus feuch, bogha-frois timchioll na Carraig. Rinn na maraichean gairdeachas na ’n Slàinte, agus mar as mo a bheachdaich iad ar an aingeachd fèin ann a bhi monmhar, sann bu mho a dh’iarr bhi moladh an Tighearna an Carraig, agus an Daingneach agus am fear-saoraidh; agus gu tric thubhairt le aon o shean, “Is beò an Tighearna agus gu ma beannaichte mo Charraig—sa: agus air ardachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte!” Nuair ’sguab sanigh iad buird na Suinge, agus an achfhuinn, chual’ iad guth an Tighearn an an fionnfhuaireachd an fheasgair ag imeachd air a Charraig ag radh: Thigibh a nis, agus tagramaid ri cheile, ged robh’ ur peacanna mar an Scarlaid bithidh iad geal mar an sneachdadh: ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar olainn. (Ri leantuinn.) Seann Ghailig. Seachdain no dha air ais thug sinn d’ ar luchd-leughaidh mìr de sheann Ghàilig. Chuireadh an t-eadar-theangacha a leanas g’ ar n-ionnsaidh leis an Urr. Domhnull Mac Nèill, Charlottetown, E. P. I. “Thàinig Callum Cille agus Drostan Mac Cusgraig a dhalta gu tigh òglaich (no seirbheiseach) Dé, Aba inbheach a bha tinn. Bha e ’n cruth neach ro mhor mu’n d’ thainig iad, gu tric ’na bhreitheamh agus ’na cheann-iùil. Thainig as àite eile seann cheann-suidhe eile agus thubhairt e ri Callum Cille, “Tha aidmheil Dhé ag aobhairachadh tinneis, agus mharbh e moran ann an I. Gum feudar cunntas a thabhairt dha agus stad a chur air a chionn gu’n ghabh a mhac tinneas ùrnuigh nan cléireach, agus mar bu mhò ’bhac iad e ’sann bu mhò dh’ iarr e bhi ’n cuideachd ionmhuinn nan cleireach. Na ’n deanadh iad urnuigh air son a mhic gu’n aisigte slàinte dha, bheireadh e dhaibh àite uaigh a chladhaich e gun fhios d’a mhac (a carnadh suas an doruis) anns an robh gu ’mhac a chur gus an tigeadh slàinte dha. An sin thubhairt Callum Cille ri Drostan an seann ceanu cinnidh agus a bhrathair ro bheannaichte agus foirfe, gu’n biodh a bheatha air a caomhnadh dha fad bhiadhna. Bu fhrasach deòir Dhrostain ag éisdeachd ri Callum Cille. Dh’ innis Callum Cille dha gu’m faigheadh anam aon-ghin inneachd. Leighsidh Minard’s Liniment an Grip COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 376] [Vol. 2. No. 48. p. 8] Cumha Coire an Easain. LE IAIN DALL MAC AOIDH. Mi ’n diugh a’ fàgail na tire, Siubhal na frith air an leath-taobh, ’S e dh-fhàg gun airgiod mo phòca Ceann mo stoir bhi fo na leacan. ’S mi aig bràighe ’n alltain riabhaich, Ag iarraidh gu beallach na featha, Far am bi damh dearg na croice, Mu Fhèill-an-roid a dol ’san dàmhair. ’S mi ’g iarraidh gu Coire an easain, Far a tric a sgapadh fùdar, Far am bi miob-choin ’gan teirbeirt, Cur mac na h-éilde gu dhùbhlan. Coire gun easbhuidh gun iomrall ’S tric a bha Raibeart mu d’ chomaraich, Cha-n èil uair a ni mi d’ iomradh, Nach tuit mo chrìdhe gu troma-chràdh. “’S e sin mise Corie an easain Tha mi m’ sheasaidh mar a b’ abhaist Ma tha thusa na d’ fhear ealaidh Cluinneanaid annas do làimhe.” An àill leat mise a rùsgadh ceòil dut, ’S mi mo shuidhe mar cheo air bealach, Gun spéis aig duine tha beò dhiom, O’n chaidh an Còirneil fo thalamh. Mo chreach! mo thùrsa! ’s mo thruaighe! Ga chuir ’san uair-so dhomh an ìre, Mhuinntir a chumadh rium uaisle, Bhi an diugh anns an uaigh ’gam’ dhi-sa. Nan creideadh tu bhuam a Choire, Gur e doran sud air m’ inntinn, ’S cuid mhòr a ghabhail mo leisgeul, Nach urrainn mi seasamh ri seinn dut. “Measar leam gur tu mac Ruairidh, Chunnaic mi mar ris a chòirneal, ’Nuair a bha e beò ’na bheatha Bu mhiann leis do leithid ’na sheòmar. “Bu lionmhòr de mhaithean na h-Eireann, Thigeadh gu ’m reidhlean le h-ealaidh, Sheinneadh Ruairidh dall dhomh fàilte, Bhitheadh Mac Aoidh ’s a chairdean mar ris.” O’n tha thusa ’caoidh nan armunn, Leis am b’ abhuist bhi gad ’thaghall, Gu’n seinn mi ealaidh gun duais dut, Ge fada bhuam ’s mi gun fhradharc. ’S lionmhor caochla teachd ’s an t-saoghal, Agus aobhar gu bhi dubhach, Ma sheinneadh ’san uair sin but failte, Seinnear an tràth so dhut cumha. “’S e sin ceòl is binne thruaighe, Chualas o linn Mhic Aoidh Dhòmhnuill, ’S fada mhaireas e am chluasan, Am fuaim a bh’ aig tabhunn do mheòirean. “Beannachd dhut agus buaidh-lorch, Anns gach aite ’n dean thu seasaidh, Airson do phuirt bhlasda, dhionach, ’S a ’ghrian a’ teannadh ri feasgar.” S grainach t-ursainn fein a choire, ’S gun fheidh a’ tearnadh gu d’ bhaile ’S iomadh neach da ’m b’fhiach do mholadh, Do chliath chorrach, ’bliadhchar, bhainneach. Do chiob, do bhorran, do mhilteach, Co shlios a choire gur lionach, Lubach, luibheach, daite, dionach, ’S fasgach do chuile ’s gur fiarach. Tha ’n t-eideadh uil’ air dhreach a chanaich, Cìrein do mhullaich cha chrannaich, Far am bi na feidh gu torrach, ’G éiridh farumach mu fhireach. Sleamhuinn slios-fhad do shliochd àraich, Gun an gart no ’n càl mu t-iosal Manngach màghach, adhach, tearnach, Graidheach, cròiceach, fradharc frithe. Neoneanach, gucagach, mealach, Lonanach, lusanach, imeach, ’S bòrcach do ghorm luachair bhealaich, Gun fhuachd ri doinionn ach cidheach. Seamragach, sealbhagach, duilleach, Min-leacach gorm-shleibhteach, gleannach, Biadhchar, riabhach, riasgach, luideach, Le ’n diobta cuideachd gun cheannach. ’S cruiteal leam gabhail do bhraighe, Biolaire t-uisge mu t-innsibh, Miòdar, mághach, conochdach, cathair, Gu breac blàth-mhòr an uchd mìn-fheoir. Gu gormanach, tolmanach áluinn, Lochach, làchach, dòsach, crai Gadharach, faghaideach, bràidheach, G iomain na h-eilde gu nàmhaid. Buireìneach, dubharach, bruachach, Fradharcaeh, croichd-cheannoch, ullaach, Feoirneanach uisge nam fuaran, Grad ghaisgeant air ghasgan cruadhlaich. Colg-shuileach, fàileanta, biorach, Spang-shronach, eangladhrach corrach, ’S an annoch is meanbh-luath sireadh, Air mhire a’ direadh ’sa chòire. ’S a mhadainn ag èiridh le ’r miol-choin, Gu mùirneach, maiseach, gasda, gniomhach, Lubach, leacach, sgiamhach, Cracach, cabrach, fiamhach. ’Nam da ’n ghrein dol air a h-uilinn, Gu fuilteach, reubach, gleusda, gunnach, Snapach, armach, calgach, ullamh, Riachach, marbhach, tarbhach, giullach. ’N am dhuinn bhi ’tearnadh gu d’ reidhlean, Tinnteach, càinteach, cainnleach, ceireach, Fionach, còrnach, ceòlar, teudach, Ordail, eòlach, ’g òl le rèite. Sguiridh mi nis dhiot a choire, O’n tha mi toilichte dheth do sheanachas, Sguiridh mise shiubhal t-aonaich, Gus an tig Mac Aoidh do dh-Alba. Ach ise mo dhùrachd dhut a choire, O’n is mòr mo dhuil ri dol tharad, O’n tha sinn tuisleach ’sa mhonadh, Bitheamaid a ’teannadh gu baile. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisean. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. [TD 377] [Vol. 2. No. 49. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 30, 1894. No. 49. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. CAIB. VII.—Air a leantuinn. An sin thug Crosduidh mach aran agus dh’iarr e beannachd nan lathair air fad. An t’ aran a dh’aobhraich monmhur roimh an stoirm, bha e nis milis da’n càil mar mil. Dh’innis Tuigse dhaibh mar an ceudna gun deach “Aideachadh an taobh a muigh” a long bhriseadh; agus thubhairt Criosduidh maille ri cach, “Trid gras Dé tha mi nith a ta mi.” Chuimhnich e air an dosguinn thainig nan caramh thaobh dol air tir an àite eile, agus bha eagal easontais air, ach dh-aithn an Tighearn dha dol air tìr. AN sin chunnaic gach aon ni eigin a chord ris a bharrachd air ni sam bi eile. Thubhairt Tòmas, “cha ghluaisear i” Thubhairt Peadar, “cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beannta gu meadhon na fàirge; ged bheuc a h-uisgeacha agus ged chuirear thar a cheile iad; ged chriothnuich na beannta le a h-ataireachd.” Ghabh Marta tlachd anns’ an toradh, Màiri, anns an t’ samchair, agus Rut anns’ na h-uain a bha ri mireag oirre. Bha na maraichean miannach chum a dhol air tìr. Dh’asluich Eudmhor orra na nithibh a gheobhadh a lamhan a dheanamh anns’ an t-Soitheach a chriochnachadh. Chuidich Ceann-Cruaidh Faiciall—a bha fathasd lag anns’ na casan; agus nuair chunnaic Timoteus Dearsadh cho deigheil air a dhol air tìr thubheirt e ris: Biodh bhur measarrachd follaiseach do na h-uile dhaoinibh. An sin ghlac Deagh-Mhisneachd—a bha tinn fad an turuis—neart; bha anam air a lionadh mar le smior ’s le saill ro-reamhar rèidh. Bha Cridhe-Subhach geanail, agus nuair a chrath Cuilc—e. Nach cual thu mu neach a reir Cridhe Dhé a dhanns an lathair an Tighearna? Bheachd smuainich Cuilc-Bhruit’ air a so: Bha e cleachte leis na mairaichean-nuair bha aobhar air a thoirt, rannsachadh airson an aobhar. Dhiar iad dearbhadh a chur air na h-uile nithibh agus a bhi gleidhead gu daingean sin a bha maith. Nuair bha gach ni ullamh, chaidh Criosduidh sios fo chlar agus threoirich e iad dhionnsuidh an Tobair-ris an abradh iad an Tobair airson Peacadh agus Neo-ghloine Chunnaic iad tighinn a dh-ionnsuidh na Tobair Oigh-sgith-thurusach agus le casan fuilteach leum i steac agus thainig i mach glan mar shneachd. (Ri leantuinn.) Am Buachaille-laogh agus am Ministeir. Bha balachan òg, mac baintrich bhochd, aon uair ’n a bhuachaille-laogh aig tuathanach araidh. Bha e a’ faighinn a bhidh mar thuarasdal o’n tuathanach, agus bha a mhathair ’g a cumail fein a suas mar a b’ fhearr a b’ urrainn di le ’bhi ag obair do na coimhearsnaich maille ri cuideacheach beag a bha air a bhuileachadh oirre o am gu am á airgiod nam bochd. Thuit gu ’n robh fearann an tuathanaich a’ criochnachadh ri glebe a’ mhinistir agus co-dhiu a leig am buachaille na laoigh am measg coirce a’ mhinistir, no ciod air bith a b’ aobhar, ghabh e fuath agus gamhlas mor co ’n bhalachan, agus cha ’n iarradh e ach a’ bhi ’g a smadadh a h-uile cothrom a gheobhadh e. Bha aig ’a mhinister gille miodalach, trailleil a b’ abhaist da a thoirt leis an uair a bhiodh e, le ’charbad beag, a’ gabhail a chuairt troimh ’n sgireachd. Thachair dhoibh a bhi ’a gabhail sgriob air latha araidh, agus faicidh iad buachaille nan laogh ’n a shuidhe taobh an rathaid mhoir le deise uir aodaich air. Bu mhath a bha fios aig a’ mhinister c’ aite ’n d’ fhuair am balachan an deise, agus smaointich e gu ’n gabhadh e an cothram air a nàrachadh. “Co, mo ghille math,” ars esan, “a chuir ort an deise ur, ghasda sin?” “Chuir,” thuirt am balachan bochd ’s e ’togail a chinn, “le ’r cead a mhinisteir, a’ cheart fheadhainn a chuir an deise sin oirbhse,—chuir an sgireachh. An uair a mhothaich am ministeir a’ chuis air a tilgeil cho deas ’n a aodann leis a’ bhalachan chuir e ’chuip ris an each, agus thàr e as. Ach air dha dol beagan air agharc smuainich e gu ’m bu tamailteach da leigeil leis an ruaig a bhi air a cur air mar so an lathair a ghille fein; stad e an carbad agus chuir e air ais an gille a dh-fheoraich d’ an bhalachan, an gabhadh e muinntireas gu bhi ’n a bhurraidh aig a’ mhinisteir. Thill an gille le othail mhoir, agus chuir e a’ cheist ris a’ bhuachaille. “Am bheil thusa dol g’ a fhagail?” ars am balachan. “Cha ’n eil,” fhreagair an gille. “Ma ta, mar eil,” thuirt am balachan, “rach air d’ ais agus abair ris ’a mhinister, gu ’m bheil mise ’meas gu’m bheil a thighinn a stigh beag gu ’m leoir a chumail a suas da bhurraidh gun ghuth air a’ bhi ag iarraidh an treas fir!” Dh’fhalbh an gille ’s a theanga ’n a phluic a dh’ innseadh a shoirbeachaidh, agus is i mo bharail nach do chuir e fein no am ministeir a’ bheag tuillidh de dhragh air a’ bhuachaille laogh.—MAC-MHARCUIS, ’sa Ghaidheal, 1873. RUGADH leanamh mic do Dheòrsa, Diùc York Di-dòmhnaich s’a chaidh. Ma bhios an urra bheag so beò an deigh bàs athar ’sa sheanar ’sa shinn-sean-mhàthair, bi’dh e ’na righ air an Impireachd Bhreatunnach. CHUALA sinn roimhe mu Hooper a bha air a chur an greim aig Three Rivers, Que. an uiridh air amhrus gu’n do mharbh e ’bhean, ach a fhuair cuibhteas an lagh a chionn ’s nach robh fianuisean gu leòr na aghaidh. Cha robh e fada ma sgaoil ’nuair a rugadh air a rithist air son ionnsuidh a thug e air a bàthadh roimhe sin. Thàinig an càs gu cùirt air an t-seachdain s’a chaidh agus fhuaras ciontach e. Thug am breitheamh dha còig bliadhna fichead dhe’n tigh oibreach. [TD 378] [Vol. 2. No. 49. p. 2] TURUS CUAIN A DH’ AMERICA. LE CALLUM MAC FHEARGHAIS. Anns an earrach ’sa bhliadhna 1843 thàinig duin’-uasal briagha dha’n dùthaich, d’am b’ ainm Gilleasbuig Mac Nìmhein, duine ’mhuinntir Ile. Bha e dol feadh an t-sluaigh anns an dùthaich dh’ fheuchainn am biodh iad deònach tighinn a dh’ America. Chòrd àireamh de theaghlaichean ris anns an dùthaich againne,—Uidhist mu dheas; thubhairt e riutha gu’n cuireadh e dróbhair do’n dùthaich toiseach an t-samhraidh agus gu’n gabhadh e luach an fharaidh dhe’n chrodh uapa. Chórd a seachd no h-ochd de theaghlaichean ris air a’ bhonn sin. Lean sinn romhainn air an àiteach mar a b’ àbhaist agus air a cheud latha de mhios a chéitein thàinig an drobhair, rinn e pris do’n chrodh ’s thug e leis iad. Thòisich sinn an uair sin air deanamh deiseil an son na h-imrich. Chuireadh griasaichean, figheadairean us tàillearan a dh’ obair a dh’ oidhche ’sa latha. Bha sinn an dùil nach biodh againn ri falbh gus an rachadh féill an t-samhraidh seachad, ach cha b’ ann mar sin a bha; air an ochdamh latha dhe’n òg-mhios fhuair sinn fios gu robh “soitheach America” ann an Tobarmhoire. B’eigin an uair sin cabhag a dheanamh. Bha aodaichean air bhlaigh deanamh, agus aodaichean ’sa bheairt-fhighe, ach cha robh math a bhi riutha; thug sinn ionnsuidh air a bheairt bu fhreagarraiche dhuinn. An ceann beagan lathaichean rinn sinn deiseil, thainig soitheach beag ’g ar n-iarraidh gu ruige Loch Bhaoghasdail agus mar sin dh’fhalbh sinn as an dùthaich anns an d’ fhuair ar breith ’s ar n-àrach. Thug an soitheach beag sinn gu Tobarmhoire, far an robh barc mhor, a ghiulaineadh luchd da cheud deug tunna, a feitheamh òirnn, ’s chaidh an luchd imrich uile air bòrd. B’e n àireamh, eadar shean us òg, tri cheud tri fichead ’sa ceithir deug. Bha iad á Ile, muile, Colla, Cnòideart, Eige, Arasaig us Uidhist, ach ’sann á mòrthir a bha chuid bu mhò dhiubh. Bha sinn a’n sin air bòrd an t-soithich àireamh mhòr de lathaichean, ’sa cur seachad na h-ùine gle shocair. Bha triuir ghillean bàna a’ deanamh gle mhath oirnn, ’g ar n-aiseag air ais ’s air adhart eadar an soitheach us tir a h-uile maduinn us feasgar. Cha robh am faradh a cosg ach sgillinn an ceann ach bha na gillean bàna ’deanamh deagh thuarasdal. Bha sinn a’ seasamh air an acair o latha gu latha; ruith seachdain ’s ruith a dha ’sa tri de sheachdainean gun iomradh air carachadh. Bha sinn a’ gabhail fadachd—ni nach b’ ioghnadh—a chuid a b’ fhearr dhe’n aimsir a’ dol seachad gun ni ’ga dheanamh. Bhrist an sin fathunn a mach am measg an luchd-imrich nach falbhadh an soitheach idir; nach b’ urrainn do Mhac Nimhein am faradh a phaigheadh agus nach leigeadh maighstir an t-soithich air falbh i gus am pàighte ’m faradh, ’s gu robh e coltech gu’n cuirte h-uile duine air ais gu tir. Ach n uair a’s tinne ’n taod ’s ann a’s dòch e bhristeadh; ’n uair bha sinn air an t-soitheach tri latha fichead thainig ceathrar dhaoin’-uaisle á Mòr-thir air bòrd,—Ministeir, Dotair, agus da shagart, agus co-dhiu ’s e ’n t-airgiod a phàigheadh no dhol an urras air Mac Nimhein a rinn iad, cha’n eil fhios agamsa, ach sheòl an soitheach air an ath latha, agus chuir i a h-aghaidh air America. Aon uair ’s gu’n d’ fhag sinn Tobarmhoire, thug sinn an aire gu robh seòladairean an t-soithich a h-uile maduinn us feasgar a toirt gleadhar fuathsach air na pioban-taomaidh, ach cha robh sinn an duil gu robh dad cearr. A chuid bu mho dhe na bh’ air bòrd, cha’n fhac’ iad soitheach mor riamh roimhe, agus bha iad an dùil gu’m biodhte taomadh na h-uile soitheach mar sid, agus nach fàsadh i na bu mhiosa gus an ruigeamaid America. Ach cha b’ ann mar sin a bha; cho luath ’sa chaidh i gu fairge, thòisich i an dhol na bu mhiosa na h-uile latha. Bha na seòladairean ’gan sàrachadh mu dheireadh; cha bhiodh iad ach leth-uair ’nan tàmh agus leth-uair aig na pioban-taomaidh. Thòisich cuid dhe na gillean bu tapaidhe ’measg an luchd-imrich air torit greisein aig na pioban-taomaidh ’g an cuideachadh. Bha gach duine air bòrd a nis a call am misnich, maraichean us luchd-imrich. Thòisich iad ri radh ri chéile nach ruigeadh iad America am feasda. Cha’n fhaighte facal a ceann duine. Bha ’fairtleachadh orra ’n soitheach a chumail tioram. Thainig a’n sin feasgar gle ghruamach, coltach ri gaoith àird agus sileadh uisge. Bha sinn a faicinn soitheach mor air fhuaradh oirnn; chruinnich a chuid mhòr dhe’n luchd-imrich gu toiseach an t-soithich agus shònruich iad triuir a chur a bhruidhinn ris a chaiptean gus e chur suas brataich-éigin dh’ fheuch an tugadh iad an sluagh bhar an t-soithich, air neo mur deanadh e sin e thilleadh dhachaidh leatha. Chaidh iad far an robh e ach cha tugadh e feairt orra. Thainig an oidhche ’s thuirt na seòladairean ris na gillean a b’ abhaist bhi ’g an cuideachadh iad a dhol gu h-iosal agus gu’n tugadh iad-san air a chaiptean tilleadh dh’a aindeoin. Chaidh an soitheach a dhùnadh suas, agus bha sinn an sin dubh dorcha fad na h-oidhche. Cha deachaidh duine dh’a leabaidh. Mu Mheadhon-oidhche, ’muair thug na seòladairean suas le sgios, chuir iad fios thun a chaiptein e thighinn dh’ ionnsaidh nam pioban. Dh’éirich e, ’s bha ’n stoirm fuathsach mor, gaoth us uisge, ’s i direach ’na aghaidh, ’s b’ eiginn dha òrdugh a thoirt dhaibh tilleadh leatha. A nis ged bha cùisean glé ghruamach aig an àm so, bha spòrs gu leòr againn air uairibh. Bha gille air bòrd a thainig a measg an luchd-imrich aig Tobarmhoire ’s a ghoid air bòrd an t-soithich gun sgillinn a phàigheadh air son faraidh (stowaway.) Bha e ’na ghille tapaidh, a bha fada seòladh a mach à Grianaig, agus bha aige ri bhi ’g obair còmhla ris na seòladairean mu’n t-soitheach. An oidhche thill sinn bha e fad na h-oidhche air clàr-uachdar an t-soithich aig obair. ’N uair shoillsich a mhaduinn, dh’ fhosgail e uinneag an t-soithich, ’s thainig e muas gu h-iosal. Sheas e aig bonn na staidhir ’s dh’ eibh e ard a chlaiginn,—“O,” ars esan, “bithibh air ur glùinean a h-uile duin’ agaibh! Cha ’n eil còig mionaidean a shaoghal agaibh.” ’s thill e suas ’sa mhionaid. An ceann tiotadh beag thainig e muas a rithist, ’s airs esan “A chlannaibh an fhir so, bithibh aig a phiob, a h uile duine ’s urrainn car a dheanamh!” ’s dh’ fhalbh e suas. Chuireadh a phiob-thaomaidh an òrdugh a rithist; ghabhadh i h-ochdnar dhaoine còmhla gus a h-oibreachadh. Roinn an luchd-imrich iad fhéin suas ’nan sgiobachan, ochdnar anns gach sgioba, ’s bha aig gach sgioba ri leth-uair ma seach a thoirt ag oibreachadh na pioba, ’s bha i mar sin gun tamh a dh’ oidhche ’sa latha. Dh’ fhaighnich seana bhean a bh’ air bòrd am measg chàich aon latha dhe’n ghille dh’ ainmich mi cheana, cia mar a bha cùisean a dol. “Cha ’n eil.” ars esan, “ach gu bheil an sgadan beò air an [TD 379] [Vol. 2. No. 49. p. 3] deck an deigh bha ’tighinn a nios troimh ’n phump.” Bha sinn an uair sin a tilleadh a null agus a sior thaomadh an t-soithich. An ceann seachd latha nochd sinn ri fearann Shasuinn. Sheòl sinn eadar Sasunn us Eirinn; is ann am baile Bhelfast an Eirinn a bha sealbhadairean an t-soithich a còmhnuidh. Thug sinn tri latha seòladh eadar Sasunn us Eirinn mu’n d’ fhuair sinn a stigh do bhun acarsaid. Bha sinn oidhche ann an sin agus air an la mhàireach chaidh sinn air tir. Bha fear-lagha Albannach ’sa bhaile ’s chaidh sinn far an robh e dh’fhuchainn de dheanadh e air ar son. ’Nuair a fhuair e bun ar sgeòil chaidh e gu sealbhadairean an t-soithich ’s thuirt e rutha iad a dh’ fhaotainn soitheach eile cho luath ’sa b’urrainn dhaibh air neo gu faigheadh esan soitheach eile a chuireadh an luchd-imrich gu America air an cosg. Bha soitheach leotha fhéin anns an acarsaid agus luchd fiodha innte. Dh’ fhosgail am fear-lagha tigh mor a bhuineadh don chrùn a bh’ air bràighe na laimhrig agus thuirt a ruinn sinn a chur gach ni a bh’ againn a stigh a’n sin. Bha rudha briagha glas sios ri taobh na h-aimhne; chuir e àireamh de chairtean guail a’n sin gus sinn a dheanamh nigeadaireachd. Bha sinn mar sin da latha dheug. Bha ’n uair sin an soitheach eile deiseil ’s fhuair sinn caismeachd a dhol air bòrd. Thill ceithir no còig de theaghlaichean dhachaidh; cha mheintrigeadh iad ris a chuan an darra h-uair. Bha againn a nis mu’n seòlamaid ri stòras bidh a chur a stigh as ùr. Thug òrdugh na Ban-righ do gach aon againn punnd arain ’sa latha gus an ruigeamaid America, ach cha deanadh sin an gnothuch, dhuinn. Bha biadh glé shaor ’sa bhaile ’san robh sinn, agus thug sinn leinn na shaolamaid a dh’ fhoghnadh dhuinn. Sheol sinn an sin an darra h-uair, ach bha deagh shoitheach againn. Bha i dionach agus math air seòladh. ’Se da latha dheug thar fhichead a thug sinn eadar Eirinn agus Caolas Chanso. ’S ann gu Judique ’s gu Creignish a chaid a chuid bu mho dhe’n luchd-imrich. Chaidh beagan theaghlaichean gu Antigonish, beagan a dh’ Eilein a Phrionnsa, agus thainig beagan eile rathad Shidni. Cha ’n eil a bheag tuilleadh agam ri ’radh, ach their mi so: Bha sinn anns an t-soitheach ud cha mhor as gach aon dhe na h-eileanan an iar, ’s bha sinn de chaochladh eaglaisean, ’s cha chualas facal a tighinn eadruinn fhad ’sa bha sinn còmhla. Cha robh euslaint ghabhaltach air bòrd idir, ach ged nach robh, chuir sinn naoi cuirp dh’an chuan. Bha h-uile h-aon dhe’n t-seann fheadhain tinn a tighinn gu tir. Cha mhor a tha beò an diugh dhe na bha air bòrd an t-soithich ud. Cha ’n eile a h-aon an rathad so ach mise ’s aon duin’ eile. C. McF. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT C. SAUNDERS. Dalhousie. Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, le MINARD’S LINIMENT. ED. LINLIEF. St. Petrs, C. B. Leighis mi droch at air each le MINARD’S LINIMENT. THOS, W. PAYNE. Bathurst, N. B. Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar eile. S tha e ’gan creic gle shaor. Iarr Minard’s Liniment ’s na gabh ach e THA “picnic” gu bhi aig Caitlicich Bhaddeck air an t-seachdain s’a tighinn. Tha sùil aig àireamh mhuinntir a bhaile so dhol ann Tha cruinneaciadh eile dhe’n t-seòrsa cheudna ri bhi aig Caitlicich Hawkesbury mu mheadhon an ath mhios. Leighsidh Minard’s Liniment an Grip COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chur air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e? Charaich G. H. GUZZWELL, ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.” ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BOINAID, RIBINNEAN, FLURICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI, - - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 380] [Vol. 2. No. 49. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . . $1.00 Sia miosan, . . . . .50 Tri miosan, . . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 30, 1894. THA Riaghladh Chanada an dràsd a’ bruidhinn air creic nan eileanan bòidheach a tha anns an Abhainn St. Lawrence agus ris an canar am Mile Eilean. Tha àireamh mhòr de mhuinntir na dùthcha gle fhad an aghaidh so, agus tha cuid dhiubh a’ togail an guth gu làidir ’s ag radh nach fhaod a leithid a bhith. Tha na h-eileanan so tuilleadh us bòidheach air son a bhi air an tilgeil an lamhan dhaoine nach deanadh, ma dh’ fhaoidte, am feum bu chòir dharbh a dheanamh dhiubh, agus cha’n fhaigh am Riaghladh pris cho mòr orra ’s gu’m bu chòir sin a a bhith na bhuaireadh sam bith. Bhiodh e glé iomchuidh do’n Riaghladh na h-eileanan so a ghleidheadh mar fhearann crùin ’s gun an creic ri neach sam bith. Tha ’n t-aigiod gle mhath ’na àite fhéin ’s tha ’n luchd-riaghlaidh cho feumach air ri muinntir eile, ach ’se ar barail féin gu’m biodh Canada pàigheadh tuilleadh us daor air son beagan de mhiltean phunnd Samunach ’nuair a dhealaicheadh i ris a Mhile Eilean, an aon bhad eileanan a’s bòidhche air ùr-uachdar an domhain. Minard’s Liniment air son Lòinidh. LEIS an àireamh so tha an darra bliadhna dhe’n MHA-TALLA air a toirt gu crìch. Thainig a cheud àireamh dheth a mach air an ochdamh latha fichead dhe’n Chéitein, agus thainig ceud ’sa còig a mach uaithe sin. ’N uair a nochd e ris an t-saaghal an toiseach, ’s iomadh neach a bha cur air mhana dha nach b’ fhada mhaireadh e, agus a chum an cuideachadh fhéin uaithe air eagal gu’n cailleadh iad beagan! Ach a dh’ aindeoin sin cha d’ thug e suas an deò fhathast, o tha e cho béo, slàn, ’sa bha e riamh, agus tha e nise, ’n deigh da bhliadhna chur na dheigh, a’ cur aghaidh air an treas bliadhna le deagh mhisneach agus le sùil ri soirbheachadh nas’ fhearr na bh’ aige riamh. Tha a chàirdean lionmhor anns gach cearna anns am beil luchd Gàilig a còmhnuidh agus ’s ann a sior dhol na’s lionmhaire tha iad. Tha sinn ann an deagh dhòchas gu’m bi a bhliadhna a tha romhainn ’na bliadhna mhath. Tha sinn a toirt moran taing dhaibh-san a bha ’g ar cuideachadh agus ’g ar misneachadh ’s an àm a chaidh séachad le facal agus gniomh; tha fhios againn gu lean iad sin air an deagh obair, agus tha sinn a creidsinn gu’m bi gach latha an deigh so a cur ri ’n àireamh. Thigeamaid, ma ta, agus rachamaid, an guaillibh a chéile mar dheanadh na Gàidheil o shean, deanadh gach aon againn a dhleasnas fhéin, gun tathunn, gun dail, agus leigeamaid fhaicinn do ’n t-saoghal gu’n téid againn air paipear Gàilig a chumail suas a dh’aiudeoin cò theireadh nach téid. CHAIDH M. Carnot, Riaghladair na Frainge a mhurt air an t-sràid ann am baile Lyons mu naoidh uairean s’a mhaduinn Di-sathairne s’s chaidh. Bha e air tighinn dh’an bhaile an latha sin fhéin ’s bha ’n sluagh ri iolach mor mu’n cuairt air, a’ deanamh a bheatha. Ruith Eadailteach de’n ainm Santo dh’ionnsuidh a charbaid anns an robh e ’s pasgan beag aige na làimh mar gu ’m biodh e dol ’ga thoirt dha. Fhuair e cothrom air leum a stigh dh’ an charbad, agus an sin ghrad thug e mach biodag agus shàth e i ann an corp an Riaghladair. Ghreasadh an carbad dh’ ionnsuidh na lùchairt, agus a’n sin chaochail Carnot beagan an deigh dà reug. Bha am murtair air a ghlacadh air a bhad ’s air a thoirt do’n phriosan; mur biodhte air sin a dheanamh, bha e air a ghrad mharbhadh aig an t-slaugh. Minard’s Liniment a’s fhearr. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. Mac Eachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 381] [Vol. 2. No. 49. p. 5] NAIDHEACHDAN THUIT frasan matha uisge feasgar Dior-daoin. Bha ’n talamh tioram gu math feumach air. THA ochd deug de dh’ fhactoraidhean càise ann an Eilean a Phrionnsa. Tha iad a cur a stigh ris na tuathanaich ochd mile deug dollar ’sa bhliadhna. CHAIDH triuir ghillean oga a bhàthadh aig Montreal feasgar Di-luain. Bha iad a mach le bàta, ’s leis a chluich a bh’ aca chaidh e thairis. THUIT fras sheangan ann am Buctouche, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh annta ach rudan beaga, ach rinn iad iad fhéin glé a dhraghail. THA na tuiltean a bh’ann an Columbia Bhreatunnach thairis agus cha robh iad faisg cha dona ’sa bha ’n t-ainm. Tha aon duine a bha ’sgaoileadh nan droch sgeul air a chur ’an sàs. BHA réis mhor each aca am an Sasuinn o chiom ghoirid, ’s thug “Ladas” each le Morair Rosebury a mach an duais a b’ àirde. Reic am Morair an t-each beagan lathaichean an deigh na réise. CHAIDH soitheach fodha anns air acarsaid faisg air Boston ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich, ’s bha dithis dhe’n chriù air am bàthadh. Bhuineadh fear dhiubh, Eanruic Mac-a-Phi, do Cheap Breatunn. BHA stoirm ghàbhaidh ann an cearna de Ohio Di-sathairne s’a chaidh. Bha craobhan us taighean air an leagadh. Bha frasan mora de chloich-mhealain ann agus rinn iad call mor air a chruithneachd. BHA bean dhe’n ainm Mrs. Yates air a taghadh o chionn ghoirid gu bhi na h-àrd bhàillidh air baile Onehuga ann an New Zealand. ’S i cheud bhean a bha riamh ’na bàillidh a’n cearna sam bith dhe’n Impireachd Bhreatunnach. Nach i fhéin an laochan! THA ’n t-Urr. Seumas Firseal Caimbeal gu bhi air cearnn na seirbhis ann an eaglais St. Andrews am màireach. Tha Mr. Caimbeal o chionn còrr us fichead bliadhna a’ saoithreachadh mar theachdair anns an h-Innsean ar ear. Rugadh agus thogadh e ann am Baddeck. THA cuid a deanamh a mach gur i phlàigh a tha cur as do na ceudan ann an Hong Kong an dràsda, am “Bàs Dubh,” plaigh a rinn sgath uamhasach am measg slaugh Asia ’s na Roinn Eòrpa ’sa cheathramh linn deug agus a ris anns an seachdamh linn deug. Is i euslaint a’s miosa thainig am measg sluaigh riamh. THA da shoitheach cogaidh Fhrangach anns an acarsaid. Thainig soitheach an admiral a stigh Dior-daoin. Cha robh fhios aice mu bhàs an Riaghladair gus an d’thàinig i ’m fianuis na té eile, Leag i an uair sin a bratach gu leth a chroinn, ’s chuir i suas gach coltas bróin a b’urrainn dhi. Di-ciaduin chuir an soitheach a bha stigh a bratach aig leth a chroinn agus loisg i urchair gunna-mor an ceann gach uair. CHAIDH còig duine fichead a bhàthadh ann an acarsaid New York Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha iad a mach air son toil inntinn daibh féin, agus chaidh am bàta fodha. MA bhios on t-side fabharrach tha choltas air gu ’m bi measan gle phailt ’san dùthaich air a bhliadhna so. Tha na craobhan fo bhlath mar nach fhacas iad o chionn iomadh bliadhna. CHAOCHAIL Iain Mac Illealain, a mhuinntir Mhria ann a Halifax air ann t-seachdain s’a chaidh. Bha e na oifigeach air soitheach a tha air an Atlantic. Bha e mu chòig bliadhna fichead a dh’ aois. THA Domnull Mac Leòid, Drochaid na h-Aimhne Tuath, St. Ann’s ’an deigh soitheach a ghabhas luchd dheich tunna fichead a thogail gun duine chur làmh na còir ach e fhein. Thug e còig bliadhna air a togail. THA Mr. Gladstone a dol a dh’ fhaotainn cuireadh o sheanadh nan Stàitean tighinn air chuairt dh’ an dùthaich sin air an fhoghar s’a tighinn. Ma thig e cha’n eil teagamh nach toir e sgriob a Chanada. THA ’m fearam a sior fhàs na’s saoire ann an Sasuinn. Tha oighreachd ann an siorramachd Khent a bha beagan bhliadhnaichean air ais a pàigheadh da cheud deug punnd máil, nach eil an nis a pàigheadh ach tri cheud punnd. CHAIDH dithis bhràthrean de ’n ainm Ellsworth a bhàthadh aig Souris E. P. I. air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad a mach ag iasgach agus chaidh am bualadh leis an dealanach, Cha robh ’m fear bu shine dhiubh ach fichead bliadhna, ’s am fear a b’ òige ochd bliadhn’ deug. Chaidh mèinn ghuail ’na teine ann a Wales Di-sathairne s’a chaidh agus bha da cheud ’s da fhichead ’sa h-aon deug dhe na mèinneadairean air am mùchadh gu bàs. Bha moran dhe na cuirp air an reubadh ’s air am milleadh cho dona ’s gu robh iad air an cur à aithne. CHAIDH dithis dhaoine ann am Parsboro N. S. a chur dh’ an tigh oibreach an la roimhe air son each a ghoid. Bha ’n t-each air fhàgail aca air feuraich agus ’nuair thainig a mhaighstir ’g a iarraidh bha e air a chreic. Fhuair fear dhìubh ceithir bliadhna, agus am fear eile da bhliadhna. CHAOCHAIL Dudley Foster, an duine bu lugha bh’ air an t-saoghal ann am Brìdgeton N. S., air an t-seachdaìn s’a chaidh. Cha robh e ach deich òirlich fhichead a dh’ àirde ’s cha robh e riamh thairis air fichead punnd a chudthrom. Rinn e siubhal mor air feadh an t-saoghail, ged nach robh e ann ach gann seachd bliadhn’ deug. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 382] [Vol. 2. No. 49. p. 6] ORAID GHAILIG. LE GILLEASBUIG MAC-GHILLEAIN, Aig coinneachadh Comunn-Gaidhlig baile mor Hamilton, air oidhche Di-haoine an seachamh la-deug do mhiosa meadhonach an fhoghair, 1890. A Chinn-shuidhe, ’s a chlanna nan Gàidheal, a mhnathan agus a dhaoine uaisle. Tha e a toirt dhòmhsa moran toileachas-inntinn aig an àm so, cothrom a bhi agam air coinneachadh ri àireamh cho mor do chuideachd Gàidhealach Hamilton, cruinn ann an so a nochd. Feumaidh mi ’s a cheud àite buidheachas a thoirt dhuibh airson an onair árd a bhuilich sibh orm, le cead a thoirt dhomh beagan fhacail a ghradh ruibh anns a chànain so anns an do rugadh agus anns an do thogadh mi. Cha’n urrainn mi le firinn a ghràdh gu robh mi cho mor ’s a tha mi an diugh mu’n robh facal beurla agam, ach tha cuimhne gu math agam ’n uair a chaidh mi do’n sgoil an toiseach, gu robh mi ann am chnad math balaich, ’s gu ruige sin nach robh facal beurla ann am chlaigionn. An iongantach leibh air an aobhar sin gu bheil meas sònruichte agam air a chànain sin anns an deachaidh m’àrach ann an làithean m’òige, an canain anns am b’ àbhuist do m’ athair agus do m’ mhàthair a bhi seinn nan òran dhoimh ’n uair a bhiodh iad ga m’ altrum air an glùn, na ga m’ thulgadh anns a chreathail. Ma tha ni ’s am bith as a bheil mise mor asam fein a nochd, ’s e so e, nach e a mhàin gun urrainn mi a Ghàidhlig a labhairt a measg mo choimhearsnaich agus muinntir mo dhùthcha, ach gun urrainn mi mar an ceudna a leughadh, le tomhas co-dhiu, de dh’ fhileantachd. (Caithream.) Anns an linn so anns a bheil sinne beò, bithidh ard-sgoileiran coimheach mor asda féin ma bhios prabaireachd de Ghreugais agus do Laidinn aca, ma theid aca air na seana chànainean so eadar-theangachadh bheir iad orra féin a chreidsinn gu bheil iad anabarrach fòluimte. Is iadsan na daoine, agus bàsachadh gliocas maille riu. Ach c’àite a bheil an Greugach no an Romanach aig a bheil eachdraidh cho finealta, na cho lan do ghniomharan treubhach ris an t’ sinnseachd d’an buin sinne? (Caithream.) Feudaidh e a bhith gu robh fàillinnean a measg nan Gàidheal mar a measg muinntir eile, oir cha ’n eil neach ’s am bith foirfe, gidheadh anns a choitchionn thug iad bàrr a’s barrachd air muinntir eile. Bha iad coltach ri Saul a measg a bhràithaean, bha an ceann ’s na guaillean os-ceann an t-sluaigh gu h-iomlan. ’S a nochd ma leughas sinn an eachraidh le furachas cha toir i nàir air ar gruaidh, no fuachd air ar cridhe Mar a thubhairt Pàruig Grannda anns an òran, ’s ann dha bu mhath a b’ aithne:— “’S an t’ sean seanachas bha Gàidheal ainmeil, ’Measg dhaoine b’ ainmig an leithid ann, Le gaisge, a’s cruadal a’s creach air uairibh, ’S bha fuil cho uaibhreach toirt buaidh dhoibh ann.” Mar a chi mi sgriobhta air na comharraidhean agaibh a so a nochd. “Bha iad cruaidh mar a fraoch, agus buan mar an darach.” An seadh! Ged is iomadh uair a chuir na Gàidheil an ruaig air na naimhdean, cha b’ iad na saighdearan a thionndadh an cùl ris a nàmhaid ann an teas a chath. Bha iad coltach ris na Spartanaich bho shean, cha striochdadh iad ’s iad beo, ’s gun amharas sa bith, be sin a bhuaidh a rinn treubhach iad ann an iomaidh cath. Cha b’e claidheamh Uallais no an lann a bha e a giulan, ach an spiorad treubhach a bha a air shiubhail a thug buaidh a mach dha. Do na Gàidheil buinidh an onair, ged is dùthaich bheag an dùthaich aca, nach deachaidh riamh a toirt fo chis le faobhar a chlaidheam. Mar a thubhairt an t-Onarach Alasdair Mac Coinnich e an uair a bha e aig cuirm ann am baile Dhundee, ’s e na phriomh fear-riaghlaidh na duthcha so, ’s e so a thubhairt e. “Is ni glòirmhor e do rioghachd ’s am bith gun bhuaidh a bhi air a thoirt orra, agus cliù gu robh do Dhia, cha deachaidh buaidh a thoirt air Albainn fhathast, ged aig an àm cheudna is gann a tha leud troidhe d’a fonn, nach eil air a thaiseachadh le ’m fuil ’san a thug gradh dan dùthaich.” B’ iad so beachdan oirdhearc air an labhairt le duine fiachail agus urramach. Ah seadh mo chairdean! Cha bu daoine suarach, leibideach, aon chuid ann an corp no ’n inntinn a bha ’n air sinnsirean, ach daoine staideil sgairteil, daoine duineil treubhach, agus tha mi an dòchas gu lean na buadhannan òirdhearc so na Gaidheil thun na crìche ’n uair a bhios iad a tagradh airson a cheartais. Ged nach urrainn mise mar as urrainn cuid agaibhsa, mo bhòsd a dheanadh gun do rugadh mi ’s an duthaich òirdhearc sin, gidheadh tha mi mor asam féin ann an so a hochd, gu bheil beagan de dh’fhuil nan daoine treun a MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 383] [Vol. 2. No. 49. p. 7] sin a sruthadh troimh mo chuislean. Cha ’n eil cearn don t-saoghal dh’ ionnsuidh an déid sibh anns nach eil an Gàidheal miosail. Tha earbsa air a chur ann nach eil air a chuir ann an duine ’s am bith eile. Air an aobhar sin cha ’n eil oifig na onair àrd fo’n ghréin, nach eil air an lionadh le pairt do’n chinneach sin. Tha iad lionmhor anns na h-uile àite ach anns na priosain, agus anns na tighean caothaich. Cha ’n eil iad buileach cho lionmhor a sin, ach na h-oifigean is àirde anns an dùthaich mar a thubhairt mi roimhe, tha iad air an lionadh le Gáidheil. Ma tha dearbhadh a dhìth oirbh air an ni a tha mi a labhairt, direach seallaibh mu’n cuairt anns a chearna so fein. Cò a tha agaibh anns a bhaile-mhor so fein na cheannard air a bhliadhna so? Tha an duine uasal Daibhidh MacGillfhaoian. (Caithream.) A rithist co a tha agaibh na fhear-mios aig comann urrais-beatha Chanada? Tha an duine uasal, sunndach cridheil Dughal Caimbeul. A rithist co a tha agaibh na Shiorram anns a bhaile so? Tha an duine uasal urramach miosail Gilleasbuig MacEillair. (Caithream.) Ma sheallas sinn a sios a rithist gu baile-mor Thoronto, co a tha agaibh a sin na cheann os-ceann sgoilean na dùthcha gu h-iomlan? Tha an Gaidheal urramach, deas-bhriathrach, cogarrach, Deorsa Uilleam Ros, duine beag cdo smachdail ’s a sheas riamh ann a leathrach bhrog. A rithist, co a tha agaibh na cheannard os-ceann Ontario gu h-iomlan? Tha an duine uasal urramach, (’s fear-lagh mor nan reachdan, nach gann a dh’ fhaillinnich riamh na bharail air puinaean reachd na rioghachd.) Oilibhreis Mowat. A rithist, na sheallas sinn a sios a dh’ ionnsuidh Ottua, co a tha agaibh a sin air mullach a mheall? Tha an Ridir urramach glic Iain Mac Dhomhnuil. Bho cheann beagan bhliadhneachan, ’s uair a dh’fhas an sluagh sgith do Dh’ Iain MacDhomhnuil, ’s a chuir iad a mach e, co a thainig na aite? Thainig an duine urramach eile ’s an Gaidheal onarach miosail Alasdair MacCoinnich. A rithist, an uair a thuit esan le e bhi a seasamh airson aobhar anns an robh e lan chreidsinn, co a thainig na aite? Thainig an duine urramach a rithist, Iain MacDhomhnull. Ged nach ann de mhuinntir an an ath-leasachaidh Iain, ’s e Gàidheal math a tha ann, ’s tha e neo chumanta tapaidh, mar am bitheadh e sin cha chumadh e a laimh air stuir na staid cho fada. Ma gheibh buidheann an athleasachaidh gu brath tuille gu cumhachd ann an Ottua, saoilidh mise gu feum iad gach Frangach, Eireannach, agus Sasunnach a chuir air chul, agus Gaidheal tapaidh a thaghadh gu bhi na cheann-iùil os an ceann. Gus an dean iad sin, saoilidh mi nach ruig iad a leas suil a bhi aca ri moran soirbheachadh. Cumaidh an Ridir Iain a shul air na h-eisg ’s na builinnean, gus an toir Gaidheal tapaidh eile uaith iad. (Caithrean) Ach ma leanas mi air m’ aghaidh air an doibh so, tha eagall orm gu faigh sibh a mach co an taobh do na h-innleachda-riaghlaidh air a bheil mi, ’s faodaidh e bhi nach bith sin freagarrach aig an am so. A nis cha ’n eil ach uine bheag on a thainig mi a chòmhnuidh don bhaile-mhor, ’s cha ’n eil mi a cleachduinn na Gaidhlig cho tric ’s a bu mha leam, air an aobhar sin gabhaidh sibh no leisgeul, ged nach eil mi cho fileanta ’s a bu mha leam a bhith, agus a bharr air a sin uile, tha mi coltach ris na fir nach eil posda am bitheantas, tha mi beagan gnuis-naireach ’n uair a dh’fheumas mi seasamh a suas fa chomhair na h-uiread do nigheanagan og maiseach ’s a chi mi a so a nochd. (Caithream.) Tha cuimhne agam air a cheud mhaighstir a bha agam ’n uair a chaidh mi don sgoil an toiseach, ’s e Gaidheal a bha ann. Bha e na bhard, ’s an uair a rinn e coimeas eadar aogasg na nigheanan bòidheach a dh’fhag e as a dheigh ’s an t-sean duthaich, agus iadsan a thachair air an taobh so don chuan, bha e beagan fo sprochd. ’S e so a thubhairt e ann an oran mu nigheanan Chanada:— “Na nigheanan oga cha ’n eil iad boidheach, Cha d’ thuginn pog dhoibh ged gheibhinn duais. Bithidh cradh as deidadh an luib gach te dhiu, ’S an fiaclan caobach cho buidhe ruadh, An aite bhi sgiamach tha iad presach ciarach, Le neul na aois a laidh air an gruaidh, Tha ’d cho bhuidhe spionta ri giobag liona A bhidh cor a’s mios’ ann an uisge fuar.” A nis cha ’n eil an duine beo a a nochd a rinn an t-oran, ach na ’n robh, cha b’ urrainn e sin a ghradh ann am firinn ma nigheanagan boidheach Hamilton. Ach ma leanas mi air m’ aghaidh a bheag na ’s fhaide, tha eagal orm gun tachair e dhomh mar a thachair e do mhinisteir, a chuala mi iomradh air aig aon am. Bha a ministeir so ’n uair a bhiodh e a searmonachadh coimheach fad-analach. Cha robh ciall-stad idir aige. Na h-uile ceann-teagaisg a thaghadh e roinneadh e e na dheich na dusan ceann, is leudaicheadh e air gach ceann air leth gus an saraichidh e foighidinn Iob. ’S an ceann na h-uile tacan ’n uair a shaoileadh sibh gun robh e dol a stad, ghlaodhadh e mach; “gu de tuilidh as urrainn mi a ghradh?” Thachair gun robh amadan anns a choimh-thional aig an am so, agus an uair a ghlaoidh a ministeir a mach, “gu de tuilidh as urrainn mi a ghradh?” fhreagair an t-amadan, “Air sgath trocair abair amen agus dean suidhe.” A nis tha beagad eagail orm na’n leanainnsa air m’ aghaidh a bheag na b’ aide, gum biodh cuid agaibhse ealamh gu radh riumsa, mar a thubhairt an t-amadan so ris a mhinisteir, “Air sgath trocair abair amen agus dean suidhe.” Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean us Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 384] [Vol. 2. No. 49. p. 8] CUMHA Dodh’ Aoghnas Gillios,’ Marsanta, a dh’eug am Port Hood, Ceap Breatuinn sa bhlidhna, 1885. Di-dòmhnaich, thainig sgeul ugainn ’Dh’ fhàg éisleanach gach cridh’, ’Chuir mulad air na dh’ éisd ris;— ’Tuille, éibhneas oirnn cha bhi O’n chuala sinn gu dh’ eug a fear ’Bha sùnntach, fearail, treubhach, glan, ’Bha fialaidh ris na feumannaich, S’ bha beusach anns gach ni. ’Nuair fhuair mi ’n toiseach eòlas air, (’S gu ’m b’ òg mi anns an àm,) Bu mhiannach leam ’bhi còmhla ris An fhear bu bhòiche ceann; Bu chaoimhneil, càirdeil, eòlach e, ’S cha b’ iosal ann an seòltachd e, ’S bu mhuirnearch e na sheòmbar Far am b’ eòlach mi air dram. Gur duilich leamsa ’n dràsta Fear mo ghràidh a bhi sa chill:— An t-sùil bu chaoimhneil sealladh leam, A ghnuis—’s bu smiorail i, A lamh o faighte fàilteach’as, An cridh’ o faighte càirdealachd, ’S am beul o’n d’ thigheadh mànran A bhi ’n diugh fo’n chlàr gun chli. Gur iomadh gin san dùthaich ’Bhios ag ionndrainn an fhir fhial; Gach aon a th’ ann ’bha eòlach air A gal le bròn gu dian;— Gur tric a thaoghail càirdein ’Us fir-siubhail as gach àite air; ’S bu dòigh dha ’bhi cuir fàilt orra Le muirn ’us gràdh ’us cial. Bu dòigh do dh’ fhear mo ghráidh a’ bhi Cuir fàilt orra le fonn; Gu ciatach, fialaidh, pàirteach riu, ’S gach rian o làimh neo-lom;— Bhiodh branndaidh ’s fion air bord aige ’S gach am ’s gun dith air lòn aige,— Bhiodh sòlas cridh’ le ceòl aige ’Sa chòisridh nach biodh trom. Gun cluinnte ceòl nan teudan tric Ga ’n gleusadh ann ad rùm, ’S bu mhiann leat a’ bhi ’g éisdeachd ris Le éibhneas agus sùnnd;— Cha ’n fhacas riamh fo ghruaman thu Bha t-inntinn glan neo-smuaireanach, Bu triath, ’bha fiachail, uasail thu Nach fhaigheadh fuath no diomb. Bu tu fear fonnmhor’ furanach, Sar churaidh na’n each seang, Bu bhòidheach ann ad dhiolaid thu Gun fhiaradh ann an eang;— Gan gleidhteadh réis gun chùram leat, ’S gum b’ aighearach an sùgradh leat A’ bhi cuir chach gu ’n dùbhlan Leis an turn a bhiodh gun mheang. Bu damhsair air an ùrlar thu Bha sùbhailt ann an ceum; Bu diunlach ann an dùthaich thu A leanadh cùis gu feum; ’S gur e do bhàs na t-òg-laithean A dh’inntir moran bròin ugainn, ’S a chuir gu sgaoil air sòlas oirnn Mar bhadan ceò ri gréin. Gu ’n bheil an taigh far ’m b’ àbhuit duinn, ’Bhi àbhachdach ’s gach ám, ’S far ’m bidhmaid fonnar, briathrachail ’Nam riarachadh na ’n dram, Na fhardaich lom air fhàgail;— S cha ’n ’eile fear’ theid seach an dràst’ an sin Nach cuimhnich air na làthean iad Le cridhe cràiteach trom! Cha ’n ionghnadh cáirdein dlùth dhut A bhi tùrsach mu do bhàs: Gun thuit na lios am flùran sin Bu bhòidheach cùbhraidh fàs;— Ach guidhmaid gu dùrachdach Le creideamh glan n’ ar ’n ùrnuighean Gun deachaidh t-anam ùrachadh Le Righ nan dùil ’s nan gràs, C. Mc. I. Bràigh Mhargaree. Fios a Loch Ainslie. Tha ’m bàta bòidheach, am “Minnehaha” a nise ri fhaicinn air ais ’s air adhart air an loch. Bidh e ’na ghoireas mor do’n t-sluagh mu’n cuairt, agus na shòlas mor dhaibhsan a bhios a tigh’nn a h-uile samhradh a ghabhail seallaidh air an dùthaich. Is facal Innseanach Minnehaha, agus ’s e ’s ciall dha, “uisge gàirich,” ge b’e cò fhuair sin a mach. Tha ’n t-sàcramaid ri bhi air a frithealadh aig Srath-lathainn air an t-sàbaid s’a tighinn, ’s tha ’n t-Urr Mr. Grannd ri bhi cuideachadh an teachdair urramaich a tha air ùr-shuidheachadh anns an sgìreachd sin. Tha ’n t-Urr. Lachuinn Mac Gilleain, a fhuair breith us àrach aig an Loch, an dràsd air chuairt an Ceap Breatunn. Cha d’ rinn e fhathast ach cèilidh gle ghoirid air a chàirdean ann ’an so, ach tha dùil aca ris fhathast. Bha e air an t-sàbaid s’a chaidh anns a mhéinn a tuath (S’y’ Mines.) Tha sùil aig na maighstirean-sgoile bhi cuibhteas “Tigh na Daorsa” deireadh na seachdain s’a tighinn. ’S ioma latha fada chuir iad seachad ann, s bheir e faochadh mor dhaibh a bhi aig saorsa ’n toile fèin fad mios no dha. Tha Allt nam Breac o chionn bliadhna no dha air a leth thachdadh n bancaichean gainnmhich, agus cha’ eil na bric faisg cho pailt ann ’s a b àbhaist dhaibh. Tha sinn an dochas gu’m faic iad-san a th’ ann an ùghdarras gu’m bi iad air an toirt air falbh an ùine ghoirid. Tha mèinn Johnstone ag obair gu bras, fo laimh Mhr. Wilsoin à Truro. Tha iad an deigh tri cheud tunna dhe’n stuth a chur air falbh cheana, agus tha iad ag obair air tri cheud eile. The moran dhe na h-igheanan a tigh’nn dhachaidh à Boston, ’s iad an deigh an gruaidhean dearga bòidheach a chreic air son deiseachan riomhach sioda. ’S e mo bharail fhéin nach d’ fhuair iad ach droch cùnnradh. AILEIN AN FHARAIDH. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh. Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B.