[DA 1] SMEORACH NAN CNOC ’S NAN GLEANN [DA 2] The Publishers are prepared to consider the printing and publishing of Gaelic and English works of any kind. Estimates gladly given. [DA 3] SMEORACH NAN CNOC ’S NAN GLEANN Comh-chruinneachadh bàrdachd a chaidh a dhèanamh am Màrgairi an Iar-dheas, Ceap Breatainn Air an dìoghlum agus air an cur r’a cheile le BEARNARD MAC CHILLE-IOSA agus AN T-OLL. P. I. MAC NEACAIL Fo laimh EACHAINN MHIC DHUGHAILL GLASCHO: ALASDAIR MACLABHRUINN AGUS A MHIC 268 SRAID EARRAGHAIDHEAL, C.2. [DA 4] First published—1939 Copyright in all countries The songs contained in this edition of “Smeorach nan Cnoc ’s nan Gleann” are copyright and protected in every respect under the Copyright Acts. Performing Right Society programmes should be filled up accordingly. Alex. MacLaren & Sons. Printed and Bound in Scotland by Alex. MacLaren & Sons [DA 5] THE SONGSTER OF THE HILLS AND THE GLENS A Collection of Gaelic Poetry compiled by BERNARD GILLIS and The Rev. Dr. P. J. NICHOLSON ANTIGONISH, NOVA SCOTIA Edited by HECTOR MACDOUGALL GLASGOW: ALEXANDER MACLAREN & SONS 268 ARYGLE SREET, C.2 [DA 6] CLAR AMAIS Orain le Calum Mac Gill-Iosa: PAGE Am Bràighe 1 Oran do Cheap Breatuinn 2 Oran do Dhonnchadh Mac Gill-Iosa 5 Oran: ’S i mo dhùthaich a dh’dhàg mi 8 Féin-labhairt an t-seann duine 10 An Litir Ghàidhlig 13 Oran a’ bhàta 15 Moladh Moire 17 Cumha: do Niall Mac Ghill-Eathain 19 Nigh’n donn a’ chuil réidh 22 Oran do Chruinneachadh Gàidhealach a bha an Inbhir-Nis, Ceap Breatuinn 24 Cumha do dh’ Iain Mac Gill-Iosa 25 Oran Leannanachd 28 Cailin na dùthcha 30 Cumha do Chalum an Tàilleir 32 Màiri Lurach 34 Moladh a’ Chùil 36 Cruinneachadh Shandaidh Sheumais 38 Oran Ailein 40 Oran do ’n Mhac-Talla 42 Bàl na h-Aibhne Deas 44 Cumha do Bhean Dhonnchaidh ’Ic Gille-mhaoil 46 Turus do Shiudaic 49 Oran do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir 52 Oran an taghaidh 54 A’ bhanais chridheil 56 Saighdearan Cheap Bhreatuinn 58 Cailin a’ Bhràighe 59 An Té Ruadh ’s am Bodach 61 [DA 7] Orain le Domhnall Mac Phàrlain: PAGE Banais a’ Chamuis 64 Margairì 66 Ath-Shealladh 68 Fios-Freagairt Moire 70 An Nighean Bheag aig mà 72 Oran do’n phaipeir Ghàidhlig, Mac-Talla 74 Cumha 76 Tombaca Iain 78 Freagairt do Litir Fhlòraidh 79 Cumha: Mar gu ’m b’ ann le màthair 80 Luadh Chaluim 82 Oran do chaileig bhig 83 Oighean Phadaineirium 85 A’ chailin luachmhor 86 Comunn: do Bhean Ioseiph Mhic Dhùghaill 89 Oran mar gu ’m b’ ann le Iain Og 91 Oran mar gu ’m b’ ann le Alasdair Donn 92 Nighean donn 93 Oran do dh’ Fhear an Tigh-Sholuis 94 Té a’ chuailein bhuidhe 96 Oran do’n Mhosgladh 98 Nighean Donn, Og 99 Oran do Ruairidh Mac Dhùghaill 101 Fàilte 102 Aiseirigh a’ Mhosglaidh 104 Am Pasgan Fraoich 104 An t-sitheann a bha aig Dòmhnall 105 Lucy Gray 106 Oran do Chalum Og 108 Oran le Donnchadh Mac Ghil-Fhaolain: Moladh a’ Chladaich agus diomoladh a’ Chùil 110 Orain le Dòmhnall Mac Dhòmhnaill: Moladh a’ Chùil agus di-moladh a’ Chladaich 113 Oran na Muice 116 Oran nam maitseachan 118 Leisgeul 120 [DA 8] PAGE Cumha: Le Aonghas Bán Mac Phárlain 123 Orain le Ailean Mac Dhòmhnaill: Fios-freagairt do litir Aonghais ’ic Gill-Fhaolain 124 Oran a’ Mhathain 129 Oran le Aonghas Og Mac Dhòmhnaill: Oran do Cheit Nic-Dhòmhnaill 127 Orain le Gill-Easbuig Mac Dhùghaill, Margairi: Oran: Fàth mo mhulaid mi bhith fuireach 129 Oran a’ Bhàta 131 Cumha: do Bhean Iain Mhic Dhòmhnaill 134 Orain le Aonghas Mac Ghill-Fhaolain, Eilean Mhargairi: An Innis Aigh 137 An Dòmhnallach Urramach 139 Fàilte na h-aimsir do D. D. 141 Freagairt do dh’ Oran an Tombaca 142 Freagairt o Fhear an Tigh-Sholuis 143 Orain le Bean Alasdair Mhic Gill-Iosa: Cumha: do Iain Mac Gill-Iosa 145 Orain: le Donnchadh Mac Gill-Fhaolain 147 [DA 9] RIOMH-RADH AIR dian iarrtas mo luchd-dùthcha ghabh mi os laimh bàrdachd Chaluim ’ic Gill-Iosa agus cuideachd, àireamh de òrain le feadhainn eile, a chruinneachadh agus am faighinn air an clobhualadh, air no, an ùine gun bhith fada, gu’m biodh móran dhiubh air chall, no co dhiubh air chuimhne an dòigh mhearachdaich. Chan ’eil mi ag ràitinn nach ’eil cuid de na h-òrain so car aotrom am bàrdachd agus gu ’m faodar coire fhaighinn daibh; ach mu choinneamh na barail sin faodaidh mi a ràdh gu bheil móran de ’n òigridh déidheil air òrain de ’n t-seorsa so, agus ’s e sin mo leisgeul air-son an cur an clò. Cha deach mi fada air adhart leis an obair an uair a thuig mi nach biodh a’ chùis cho furasda ’s a shaoil leam an toiseach. Bha fios gu ’n robh na h-òrain ann, ach có aig an robh iad, no có aig an robh iad mar a rinn am bàrd iad? Co dhiubh lean mi orm, agus tha mi toirt móran taing do gach aon a rinn còmhnadh leam. Ged bu mhór am meas air cainnt am màthar, cha robh aon de na bàird so fòghluimte ’s a’ Ghàidhlig. Ged a bha iad cleachdte ri bhith ’g a labhairt ’s ’g a leughadh bho làithean an òige, agus air uairibh a’ fiachainn r’ a sgrìobhadh, gidheadh, a chionn nach robh sgoiltean Gàidhlig ann anns an ám cha robh e furasda dhaibh, le ’n oidheirp fhéin, direadh cho àrd agus gu ’n rachadh aca air iad fhéin a mheas airidh air seasamh làimh ri bàird agus deagh sgoilearan eile a fhuair barrachd cothrom ’n an òige. Air an aobhar sin, faodaidh iomadh mearachd a bhith anns an leabhar; ach bidh sinn an dùil ’s an dòchas gu ’m bi ar luchd-leughaidh leisgeulach òirnn ged nach biodh an ionnsuidh a thug sinn cho dreachmhor ’s a dh’ fhaodadh i bhith na ’m b’ e àrd-sgoilear a bha aig an stiùir. Rugadh agus thogadh gach aon de ùghdairean nan òran a tha anns an leabhran so am Parraist Naoimh Ioseiph, [DA 10] Màrgairi an Iar-dheas, an Siorramachd Inbhir-Nis, Mor-roinn Albainn Nuadh. Mur bhith cho iomraideach ’s a tha cuid de òrain Chaluim Mhic Gill-Iosa anns gach àite ’s a bheil a’ Ghàidhlig beo, ’s dòcha nach robh an leabhar so riamh air a chur an clò; agus leis an sin, tha e freagarrach gu ’n toirteadh beagan cunntais air eachdraidh a’ bhàird. Bu duine e air an do bhuilich Dia iomadh tàlann; agus ged nach d’ fhuair e de ionnsachadh ach na ghabhadh faighinn anns na sgoilean cumanta, rinn e deagh fheum de na bha aige. Chuir e seachad àireamh bhliadhnachan ag cumail sgoile, ach cha do chùm sin e gun bhith aimseach an obair sam bith a dh’ fhaodadh tighinn fo làimh, agus dheanadh e gnìomh cho dreachmhor ri fear-cèairde am fiodh ’s an leabhar. Rinn e iomadh òran bòidheach Beurla; chluicheadh e ’n fhidheall, a’ phìob ’s an t-òrgan gu pongail; agus bha e anns a h-uile dòigh air dheagh iomradh. Chaith e a’ chuid mu dheireadh d’ a bheatha an tuathanachas air baile athar far an do shoirbhich leis gu gasda. Thog e teaghlach anabarrach mór, agus tha chuid as motha d’ a chloinn ’n an luchd-ciùill. Cha bhiodh e ri bàrdachd mar bu trice ach air-son caitheamh-aimsir, no air-son fealla-dhà; agus chan ’eil teagamh nach biodh e air barrachd saothrach a ghabhail ri iomadh sreath na ’n robh e an amharus gu ’n tigeadh an latha anns am biodh iarraidh fad is farsuing air a chuid òran a chur am mach an leabhar. Dh’ eug e air an treasamh la fichead de Mhìos Meadhonach an Fhoghair, 1929, aois 73. Thainig a shinnsreadh a Mòrair. B’ e a shloinneadh Calum Eoghain ’ic Aonghais ’ic Caluim ’ic Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh. Cha robh Dòmhnall Mac Dhòmhnaill latha riamh anns an sgoil, ach dh’ionnsaich e, gun mhóran cuideachaidh, Gàidhlig is Beurla leughadh air a shocair. Tha chuid bàrdachd a’ dearbhadh gu’n robh aige feartan-inntinne a bha air leth. Dh’ eug e air a’ cheud latha de ’n Iuchar, 1910, aois 80. Thainig a dhaoine-san á Mùideart. Theirteadh ris Dòmhnall Thormaid ’ic Ruairidh ’ic Mhìcheil. Chuir Donnchadh Mac Gill-Fhaolain seachad a bheatha air baile fearainn far an do thog e teaghlach mór, measail. [DA 11] Dh’ eug e air an dàrna latha de ’n 1916, aois 57. Iuchar, B’ esan Donnchadh Chaluim ’ic Aonghais ’ic Caluim. Thainig a mhuinntir á Morair. ’S e deagh thuathanach a bha ann an Aonghas MacPhàrlain ré a bheatha. Tha e follaiseach gu bheil a’ bhàrdachd a’ ruith ’n a theaghlach. Dh’ eug e air an ochdamh latha de ’n Mhàrt, 1931, aois 90. Thainig a shin-seanair air thùs á Gleann Urchaidh gu Gleann Fhionnghain, am Mùideart, far an do thog e a theaghlach. B’ e a shloinneadh Aonghas mac Aonghais ’ic Ghill-easbuig ’ic Dhùghaill ’ic Phàdruig. ’S e tuathanach a bha ann an Ailean Mac Dhòmhnaill, agus bha e air fior dheagh iomradh mar fhear-cuideachd. Rinn e àireamh mhath de òrain, ach chan ’eil ach beagan dhiubh air chuimhne. Dh’ eug e air an là air fhichead dé Mhìos Meadhonach a’ Gheamhraidh, 1903, aois 37. B’ esan Ailean Aonghais ’ic Ailein ’ic Ruairidh. Thainig a dhaoine á Mùideart. Is e bràthair dha a tha ann an Aonghas, agus tha esan a’ fuireach air baile athar. Tha Aonghas Mac Dhòmhnaill, Gill-easbuig Mac Dhùghaill, Aonghas Mac Gill-Fhaolain, Dòmhnall Mac Phàrlain agus Bean Alasdair Mhic Gill-Iosa beo, slàn, fhathast. ’S e maighstir-sgoile a bha anns an Dùghallach an uair a bha e òg, ach an déidh ùine, roghainnich e an tuathanachas. Is e a shloinneadh Gill-easbuig Aonghais ’ic Iain ’ic Iain ’ic Eoghain ’ic Iain Oig. Thainig a sheanair le theaghlach á Mòrair. ’S ann ri tuathanachas a bha Aonghas Mac Gill-Fhaolain an làithean òige, ach tha e o chionn bhliadhnachan ag cumail tighe-soluis air Eilean Mhàrgairi. Is e a shloinneadh Aonghas Iain ’ic Iain ’ic Caluim. Thainig a sheanair á Mòrair. Thainig seanair Nic Gill-Iosa cuideachd á Morair agus is nighean i do Ghill-Iosa mac Iain ’ic Gill-Iosa. Bha Dòmhnall Mac Phàrlain a’ teagasg sgoile fad fichead bliadhna, agus an déidh sin thug e roghainn air [DA 12] bhith marsantachd. Theirear ris Dòmhnall Dhùghaill ’ic Gill-easbuig ’ic Dhùghaill ’ic Phàdruig. Thainig a shin-seanair le theaghlach á Mùideart, ach is ann an Gleann Urchaidh a rugadh a shìn-seanair. DOMHNALL MAC PHARLAIN. [TD 1] Smeorach nan Cnoc ’s nan Gleann AM BRAIGHE. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Na cnuic ’s na glinn bu bhòidhche leinn, ’S iad cnuic is glinn a’ Bhràighe, Mu ’n tric bha sìnn ri mànran bìnn ’S a’ chomunn ghrinn a b’ fheàrr leinn. Chan ’eil àite ’n diugh fo ’n ghréin ’S am b’ fhearr leam fhéin bhith tàmhachd Na Braigh’ na h-Aibhne measg nan sonn O ’m faighte fuinn na Gàidhlig. Do bhruachan gorm ’s am faighte spréidh, Do ghlacan réidh gun àireamh, Mar uachdar thonn, ’s an soirbheas trom, A’ ruith gu bonn nan àrd-bheann. Gur pailt gach flùr a’ fàs gu dlùth Air maduinn chùbhraidh Mhàigh ann; ’S bidh ceol nan ian gu fonnmhor, dian, ’Nuair thig a’ ghrian le fàilt’ ann. Bidh sruthain mhear de uisge glan A’ brùchdadh mach mu ràth’dean; ’S bidh crodh is caoraich pailt ri ’m faotainn Feadh nan aodann àrda. Gur binn leam ceòl na h-aibhne mhòir, ’S i falbh an glòir a h-àilleachd; Fhad ’s bhios i gluasad sios le fuaim Cha toir mi fuath do ’n Bhràighe. Gur lionmhor fear ag iasgach bhradan Air a cladaich bhàna; ’S tric daoine tigh’nn o Bhreatunn thall Chur seachad samhraidh làmh rith’. [TD 2] Air gach froilig, bàl is banais Cluinnear caithream ghràdhach; Gur sunndach sìnn a’ ruith na tìm, ’S an fhidheall bìnn mar b’ àill leinn. ’S iomadh fleasgach làidir, grinn Chaidh anns na glinn so àrach, Is maighdean ghlé ghlan, dhireach, òg, Le h-aodann bòidheach, nàrach. ’S i ’n ainnir dhonn as binne fonn A choinnich rium Di-màirt ann, A thug fo chìs gu daingeann mì— Mo shòlas crìdh’ bhi làimh rith’! Do chòmhradh ciùin tha tigh’nn fo m’ aire, Ribhinn, bhanail, bhàidheil; Gu ’n d’ fhuair thu buaidh bho Nàdur fhéin A chuir mór spéis ’s gach àit ort. Ach soraidh bhuam do ’n chomunn rìoghail Bho’n is tìm dhomh ’m fàgail; Gur tearc ri ’m faotainn feadh an t-saoghail An diugh daoin’ bheir bàrr orr’. ORAN DO CHEAP BREATUINN. LE CALUM MAC GILL-IOSA. A Thir nam Beanntan, an gaol tha teann duinn, A Thìr nan Gleanntan ’s am faighte spréidh, Gur lìonmhor àilleachd a th’ ann an càradh Mu d’ bhroilleach àluinn ri blàths na gréin’; Gur iomadh sàr fhear ’n ad mhuinntir ghràdhmhoir A thog ’s a dh’ àraich thu àrd gu feum, Is té neo-ghruamach, deas, eolach, cuanna, Glan, cridheil, suairce, nach buaineadh beum. [TD 3] A Thìr nan craobh anns am faighte caoraich Ag criomadh aodainn nan stùcan gorm, Nan dròbhan maola cho geal ’s an fhaoileann, No ’n cobhar aotrom th’ air aodann fairg’, Dhe ’n tig an t-aodach as fheàrr ri fhaotainn ’S an ám nam faoilleach ’s e chuirinn orm; Ged bhiodh ann fuar shid’, is mi air sàile, ’S e chumadh blàth mi an àird na stoirm. A Thir nan cruachan, ’s nan àilean uaine, ’S e bhith ’g ad luaidh rium a thogadh m’ fhonn, Chan ioghnadh smuairean bhith air na ghluais bhuat, Do mhuinntir uallach chaidh thar nan tonn; Na sàr dhaoin’-uaisle bu tapaidh ’n cruadal, ’S a chuireadh ruaig air luchd-fuath ’n an deann; Bu bheag an t-ìoghnadh, bha cliù an sinnsear Ro mhór ri inns’ ann an strith nan lann. ’Nuair thig an samhradh gur miann leam cuairt thoirt Air feadh do bhruachan air maduinn chiùin An ám do ’n bhuar a bhith tigh’nn gu buaile, ’S a’ choill air ghluasad le fuaim gach ciùil; Na h-eòin a’ leumraich air bharr nan geugan Toirt cuireadh éirigh do ’n ghréin le fonn Le uirghiol beusach nam pong-chiuil eutrom A thogas éislean an fhir bhios trom. Bidh bradan tarra-gheal, gob-bhiorach, balla-bhreac, A’ tigh’nn o’n fhairge gu sealg ’s a’ bhùrn, ’S e direadh gharbhlach le suigeart foirmeil, ’S a’ leum nan garbh shruth, ’s e ’s gailbheach tùrn; ’S e bhith ’g a iasgach le slat is driamlach Air linne riaraicheadh mi le sùnnd, Le maghar buaireant’ air dubhan cruadhach Toirt orra gluasad an nuas o ’n ghrùnnd. Gu’m faighear gruagaichean donna, dualach ’S gach comunn uallach a bhios ’s an tìr; ’S iad baindidh, bòidheach, ro-ghrinn ’n an còmhradh, Le ’n cuailean òrdail ’s am bòidhche cìr; [TD 4] ’S an gruaidhean dòmhail air fiamh nan ròsan, Lamh ghrinn an t-seòrsa tha ’n còmhnuidh fial, Is cridhe coibhneil nach giùlain foill ann An com na maighd’nan as loinneil ciall. Gur iomadh nì a th’ air feadh na tìr so Tha togail prìs dhi ’s ’ga cur am miadh; Bu mhór am fàbhor an cuirt na Bàn-righnn A h-uile àilleachd tha fàs air sliabh; Tha òr is airgead o thùs am pasgadh ’N a chùirn ’s na chnapan gun ghluasad riamh, ’S an talamh luachmhor, ’s nuair theid am buannachd ’S iad thogas suas sinn an uaill ’s an gniomh. Ma bhios luchd-riaghlaidh na dùthcha fialaidh Cha bhi ar n-iargain dol fad thar chuimhn’, Gu’m bi ’n t-each-iarruinn tigh’nn troimh na criochan Le ùprait fhiadhaich air feadh gach tuim Bheir faisg oirnn margadh ’s a sgapas airgead Air feadh nan garbh chrioch; ’s le foirm thar tuinn Gu ’n till na càirdean a rinn ar fàgail, ’S gu ’n dean sinn àbhachd ’nuair theid ainn cruinn. Bidh meinean luchdmhor an sin ’g am fuasgladh, Bidh beairteas buan duinn an tir mo ghràidh; Chan fhaicear smuairean air neach a ghluaiseas Air feadh nam bruachan as uaine blàth; Bith sòlas inntinn gu pailt ag cìnntinn, ’S gu lìnn nan lìnntean chan fhaic sinn sàs An Tir nam Beanntan, an gaol tha teann duinn, O ’m faighear neoinean ’s a’ ghleann a’ fàs. [TD 5] ORAN DO DHONNCHADH MAC GILL-IOSA, AM MIRA, FEAR A THA DEANAMH PHIOBAN CIUIL LE CALUM MAC GILL-IOSA. AIR FONN—Mile marbhphaisg ort, a shaoghail. Thainig sgeul oirnn o chionn bliadhna, Sgeul a riaraich mi neo-throm, Sgeul bha taitneach leis gach Gàidheal A chaidh àrach anns an fhonns’; Donnchadh Tàillear bho an Bhràighe, Fear mo ghràidh as àille com, A bhith deanamh phiob am Mira; Beannachd air a laimh nach lom! Beannachd air a làimh neo-chearbaich A tha ainmeil air gach gniomh, ’S air an eanchainn anns ’n do chinnich Móran grinnis ’s am bi sgiamh! ’N a chuid obair cha bhi fàillinn, Ach gu dealbhach, làidir, dion— ’S beag an t-ioghnadh ’s gu ’n robh chàirdean Eolach, tàlantach o chian. Gu ’n deach arach ’n tùs a làithean Ann am Braighe Mhargairì Measg nan Gàidheal choibhneil, bhàidheil, ’S pailt a chàirdean ann ri ’n inns’. ’S mór an spéis thug e do ’n ait sin, ’S ann thuirt e Di-mairt rium fhìn, “Chan eil cnoc no glac no càrd ann Nach fhaigh ’n diugh uam càirdeas crìdh’.” Thuirt e rium, “An aimsir m’ òige, Anna gach còisir a bhiodh cruinn, ’S i bu dòigh dhuinn a bhith ’n còmhnuidh Gabhail òranan le loinn, [TD 6] Caith’ na h-ùine cridheil, sunndach, ’S greis a’ danns’ air ùrlar ruim, ’S an deoch-slàinte dol mu ’n cuairt oirnn Chuireadh smuairean as ar cuimhn’. “’S ged a thig mi ’n diugh air chuairt ann Bidh mi truagh nuair thig mi nall; Bidh mi smaointinn air na h-uairean Sòlasach a fhuair mi ann. Measg nan uaislean a bha suairce, ’S pairt dhiubh ’n diugh ’s an uaigh air chall, ’S am beagan a dh’ fhuirich buan dhiubh An déidh fàs ’nan gluasad mall. ’S mór an onair do na Gàidheil A tha tàmh an Albainn Nuadh Donnchadh Tàillear bhith ’s an tìr leo Cumail ciuil an sinnsreadh buan. ’S tric a dh’ ùraich fuaim nam pioban Càileachd nam fear rioghail suas— Clann nan Gàidheal o na fraochan, Fir mo ghaoill-sa, laoich nam buadh. ’S tric a chualas anns na blàraibh An ceol àrd as àille fuaim, Thogadh inntinn luchd nam breacan ’N am dhaibh gleac ri feachd le gruaim; ’S anns an Dùn bhiodh triath na dùthcha, Sunndach, muirneach, le ’n cuid tuath, ’S ceol an t-sionnseir ag cur suinnd orr’ ’G iomairt dlùth air ùrlar luath. ’S iomadh fear an eolas àrd A mhol am Mabou do chuid phiob; Aig an Exhibition fhuair thu Mòran cliu mar chuala mì; Bha do chruitean-ciuil ro àluinn, ’S bha bhuil ann mu ’n d’ fhàg thu ’n tir, Reic thu ris an uasal Sam te, ’S reic thu té no dhà ’m Marg’ rì. [TD 7] Chan ’eil Gàidheal anns an àite So nach fàiltich thu le fonn, Fhir tha bàidheil, coibhneil, càirdeil, ’S t’ ainm ro àrd an dràsd thar thonn. Donnchadh Tàillear, tha mi ’g ràitinn, ’S furanach a nàdur leam, Beul an t-seannachais nach biodh cearbach, ’S nach coisinn dha fearg no diumb. Chan ’eil gin a fhuair ort eòlas Nach bi deònach tigh’nn ad dhàil, Fhir tha oileanach, gun mhòrchuis, Chan ’eil bòsd no leòm ad chàil; ’S ged nach b’ aithne dhomhs’ ’nam òig’ thu, Chuala mi gu leòr o chàch, ’S na chaidh innseadh dhomh mu d’ chiatachd, ’S mi nach diochuimhnich gu bràth. ’S iomadh sgeula mu d’ dheagh bheusan Ris an d’ eisd mi ré mo là, ’S dh’ fhag sin deònach mi air d’ fhaicinn Fada mu ’n do theachd an tràth; Thainig thu nall thar a’ Chaolais, ’S gur mise a dh’ fhaodas a ràdh, ’S iomadh fear am Braigh’ na h-Aibhne Bha toirt cliu dha d’ choibhneas blàth. ’S math thig deise dh’ aodach rìomhach Air do phearsa dhìrich, làin, Fhir a tha gun chearb le fìrinn ’S a ni phìob is mìlse ràn; ’S e bhith ’g éisdeachd nuallan té dhiubh Chuir m’ inntinn air ghleus gu dàn, ’S fhir a chuir na spangan dluth oirr’, ’S e mo dhùrachd thu bhith slàn. [TD 8] ORAN. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Rinn am bard an t-oran a leanas ann an Cheticamp, far an robh e ag cumail sgoile, anns a’ bhliadhna 1875. Hoirinn ho hi ri ri o, Hoirinn ho hi ri ri o, Hoirinn ho hi ri ri o, ’S i mo dhùthaich a dh’ fhàg mi. O’n a tha mi fo smuairean Gun charaid mu ’n cuairt dhomh, ’S fheudar fiachainn ri duanag A chur suas air an àit so. Ged tha ’n acarsaid ciùin leam, ’S a cuid shoithichean ’s siùil riuth’, ’S iomadh nì tha mi ’g ionndrainn Ris an tionndadh mo nàdur. Ann an comunn cha chluinn mi Orain bhlasd’ agus fuinn orr’; ’S ged is tric a’ dol cruinn iad, Cha bhruidhnear a’ Ghàidhlig. Ach Fraingis nach b’ eol dhomh, ’S nuair a labhras iad còmhla, Cha tuig ach fear eòlach Gur a còmhradh th’ aig pàirt dhiubh. Chan ’eil móran gu m’ mhiann ann, Chan ’eil seorsa de dh’ ian ann, Ach faoileagan fiadhaich Bhios a’ sgiathadh thar sàile. Ann am maduinn ghil, shamhraidh, Cha chluinn mi guth smeoraich, No lon dubh air barr mheoirean Toirt ciuil dhuinn mar b’ àbhaist. [TD 9] Coille charraigeach, gun chroinn innt’, Agus roinn bharr a buinn dhi; Craobh bheithe, no uinnsinn, Cha chuinnhneach leam fàs ann. Chan ’eil measan air mheoirean, No cnomhan air calltuinn Mar bu lionmhor ’s na beanntan Air am b’ eolach a bhà mi. Nuair a choinnicheas rium gruagach, ’S a labhras mi sùgrach, ’S ann a fhreagras i mùgach, “Bon jour,” no “Belle soiree”. Ged tha ’n acarsaid briagha Gur e dh’ fhàgadh gu m’ mhiann i Bhith stigh air a fiaradh Gu criochan a’ Bhràighe. Nuair bhiodh trioblaid air m’ inntinn, Gur e bheireadh dhomh faighinn Dol a Bhràighe na h-Aibhne, ’S fuireach oidhche no dhà ann. Far am faighte na fiùrain A bhiodh aighearach ionnsaicht’, Treun, fuasgailteach, cliùiteach, Fearail, flùghantach, fàilteach. Far an lionmhor tha gruagaichean Siobhalta, suairce, Cuimir, finealt’, neo-ghruamach, Glan, cuaileanach, bàidheil. Far an tugadh na h-ùbhlan Air na craobhan bhith lùbadh, ’S far am fàsadh gach flùran Bu chùbhraidh an gàrradh. [TD 10] Gu bheil iomhaigh glé uaine Air na pàircean mu ’n cuairt ann, Far an cuirear siol buadhmhor, ’S far am buainear buntàta. Nuair a chruinnicheas an òigridh Far an d’ àraicheadh òg mi, Cuirear fiodhull an òrdugh, ’S togar bròn gu ceol gàire. Dh’ éireadh m’ intinn gu sòlas, Rachadh mìghean air fògradh Nuair a chruinnicheadh an còmhlan A sheinn òranan Gàidhlig. Soraidh bhuamsa le suairceas Do ’n tir sin, ’s do ’n t-sluagh sin, ’S e bhith fad’ bhuap ’s an uair so Fo smuairean a dh’ fhàg mi. FEIN-LABHAIRT AN T-SEANN DUINE. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Air faillirinn, illirin, uilirinn, o ho ro hì, Tha mo chridhe neo-shunndach, ’S gur a mór tha mi ’g ionndrainn gach nì. Nuair a bha mi ’nam òige, Chan e mi-ghean no bròn bhiodh am cheann, ’S ann a bhithinn gu sunndach, Direadh bhealach nan stùcan ’nam dheann; Gu’n robh m’ inntinn ’san uair sin Mar an duilleag as uaine th’ air crann, Ach rinn reodhadh na truaighe Mise leagail a nuas gu bhith fann. [TD 11] B’ e sin làithean mo shòlais Nuair a bha mi air còmhnard nam beann; ’N am an fheasgair gu ’m b’ àill leam Dhol a choimhead air Màiri do ’n Ghleann; ’S tric a ràinig mi ’n cailin ’N déidh obair an lath’ thoirt gu ceann; ’S dh’ fhògradh sealladh de ’n ribhinn Uam gach airtneal, gach sgios agus greann. Gu ’n robh m’ ìnntinn glé aotrom Ged bha beairteas an t-saoghail orm gann; Bhiodh mo chridhe làn éibhneis Nuair a choinnichinn an té ud ’s a’ Ghleann: Gruagach òg an fhuilt àluinn, Bhachlaich, dhualaich an càradh mu ceann; Aig ’n robh nàdur gun mhì-run, ’S meòir bu ghrinne rinn sgriobhadh le peann. Bhiodh i ’m smaointinn an còmhnuidh, ’S gur e h-ainm bheireadh sòlas do m’ chridh’: Nuair a chruinnicheadh an òigridh Cha bhiodh aighear ’s a’ chòmhlan gun ì; Bha snuadh fior ghlan na h-òig’ oirr’ ’S a da ghruaidh mar na ròsan; ’s a Rìgh! Latha fhuair mi air làimh i, Cha robh buaidh bh’ air Diàna ’g a dith. Gu ’n robh mise ’s an uair sin Glé fhoghainteach, fuasgailte, treun; Leagainn coille lath’ fuaraidh, ’S gu ’m biodh gillean air ghluasad fo m’ réim; Dheanainn treabhadh is bualadh, ’S cha bhiodh maille an gluasad mo cheum; ’S chuireadh Màiri dhonn, dhualach H-uile nì ’s am biodh buannachd gu feum. Gu ’m bu mhath thu air fuaigheal, ’S air gach nì air an gluaiseadh tu làmh, Bhiodh do rùm gu glan, sguaibte, Cha do chleachd thusa, luaidh, a bhith ’d thàmh; [TD 12] Bha thu siobhalt’, glan, uasal, Mar an eal’ thig an uachdar o’n t-snàmh; ’S e thu, nise, dhol bhuaithe Dh’ fhàg mise ’s an uair so fo phràmh. Ann an àirde mo làithean Air gach banais, gach bàl agus féill, Gheibhinn coibhneas nan càirdean, ’S chuirte furan is fàilt’ orm fhéin; ’S e bhith cridheil bu ghnàth leinn, ’G òl ghlaineachan làn air a chéil’, Danns’ gu sunndach air mhire Nuair a chluichte dhuinn fiodhull nan teud. Ach o’n thromaich an aois orm Dh’ fhàs mo chridhe ’s mo smaointinnean fann, Cha téid mi do chuideachd, Cha chuirear do ’n chuideachd mi ann. ’S ann tha fiabhras is lòinidh ’N déidh teannachadh còmhla ’n am chom; Tha mo chuimhn’ air fàs tuathal, ’S chan ’eil ceum ann am ghluasad ach trom. Dh’ fhalbh spionnadh mo làithean, Dh’ fhalbh mo shùgradh, mo mhànran ’s mo cheòl, Theirig conaltradh chàirdean, ’S thainig trioblaidean cràiteach ’n am fheoil; Chan ’eil spéirid am Màiri, Dh’ fhalbh a h-éibhneas, a h-àilleachd ’s a treòir, Thainig stoirm air mo ghàrradh A thug dhòmhsa ceann-fàth air-son deòir. Thainig maill’ air mo léirsinn; Chan fhaicear ’s cha leughar leam ni, Cha tog piob nam port siubhlach, Cha tog fiodhull mór shunnd air mo chrìdh’; Ged a dh’ éirinn ’s a’ mhaduinn Cha bhi sùgradh air m’ aigne; ’s cha bhi Móran treòir ann am fhonnsa, ’S bidh mi deònach air bobhla de ’n tì! [TD 13] Dh’ fhalbh samhradh mo làithean Bha gu gorm-lusach, àileanach, uain’; Thainig geamhradh ’n a àite, ’S shearg gach duilleach a b’ àill’ gu robh snuadh Chruinnich neòil air na speuran, Chuir a’ ghealach ’s na reultan fo ghruaim; Chaidh mo ghrian gheal a mhùchadh, Mar gu ’m bàit i air chùlaibh a’ chuain. Ach ged tha mi fior dhubhach O’n a chaidh mi o shiubhal ’s o luaths, Tha mi ’n dòchas mu ’n triall mi Gu ’n coisinn mi ’n rioghachd tha shuas. ’S mairg ni móran mu ’n t-saoghal Chumas neach ann am baoghal gun bhuaidh, ’S nach ’eil sòlas ri fhaotainn A mhaireas an taobh so de ’n uaigh. AN LITIR GHAIDHLIG. LE CALUM MAC GILL-IOSA. AIR FONN—O ciamar dh’ fhaodas mi bhith beo. Fhuair mi litir nuas bho Dhòmhnall A thug sòlas ìnntinn dhomh, Air a sgriobhadh anns a’ Ghàidhlig, Chainnt a b’ fhearr le ’r sìnnsiribh; ’S tric a labhradh i ’s na blàraibh Leis na sàr-laoich dhìoghaltach; Bhiodh an naimhdean an cruaidh chàs ac’, ’S iad gach là ’g an cìosnachadh. ’S e sin cainnt as glaine gearradh, ’S fallain, pailt le fìrinn i; Cha bhi gainn’ oirr’ ann am briathran— Tigh’nn o bhial gur cinnteach i; [TD 14] ’S i thogadh misneach nan sonn ’S a chuireadh fonn gu strì orra; Chan ioghnadh leam ged a bhiodh bhuaidh oirr’; Fhuaradh ann an Eden i! Gur a blasda dol a sheanachas Aig fir armach, bhriathrach i; ’N ám a’ chruadail bhith ri sheasamh, ’S toileach fhreagradh ciadan i. Aig cath fuileach Allt a’ Bhonnaich Fhuair i sonas miorbhuileach; ’S eadar an Eiphit ’s an Olaind Cha robh mòd nach striochdadh dhi. Gur a math air stiùradh luinge Air chuan guineach, iorgalta, Ghàidhlig ghasda, earbsach, smachdail, Togail acair’ b’ fhiachail i; Ag cur riof an siùil ri stoirm, Chan fhaighte cearb no fiaradh innt’, Ach fior làidir, deas an gàbhadh, Os cionn gàir nan siantaidhean. Gu ’m bu cheòlmhor leam bhith ’g éisdeachd Maduinn chéitein, ghrianaich, ghil, Cailin òg a’ seinn ’s a’ bhuaile, ’S fuaim ’s a’ chuaich gu dian aice, Ceòl a cinn bhiodh beadrach, binn, ’S an t-òran grinn ’g a riarachadh, An cainnt bhlasda bhinn nam buadh, ’S e dh’ fhògradh bhuainn gach cianalas. Gur a bochd ri ràdh ’s an ám so Mu’n chainnt a tha cho luachmhor leinn, Gu bheil spailpearan de ’n òigridh Dh’ fhògradh as an cluasan i, Leis nach fiu, tre mheud am pròise, Teang’ am beòil a ghluasad innt’, Bho’n tha beagan de dhroch Bheurl’ ac’ ’N am beachd fhéin ’s daoin-uaisle th’ annt’. [TD 15] ORAN A’ BHATA LE CALUM MAC GILL-IOSA. Air do ’n bhàrd agus do bhean a bhràthar a bhith ri port gu dol a dh’ Eilean Mhargairi, thug iad leo le dànadas bàta Alasdair Fhearchair, duine còir, gasda a bha fuireach goirid do ’n Chamus. Ma bha Calum ri port gu faighinn am mach, ’s ann a bha e da rireadh ri port gu faighinn a stigh, a chionn thainig stoirm a chum air an Eilean fad seachduin e. Eadar mise agus sibhse, bha rud beag de ’n eagal air Calum, oir ged bu dhuine gasda Alasdair, bha fios nach biodh e toilichte mu ’n bhàta. Ach ’s miosa ’n t-eagal na ’n cogadh. Nuair thainig am bàrd gu tir bha “Oran a’ Bhàta” deante aig Alasdair, ma ’s fior an naidheachd, oir fhuair e brath mu ’n bhàta bho fhaoileig a thainig leis an stoirm bho’n Eilean. Bha Mór Dhòmhnaill, bana-choimhearsnach chòir do Alasdair, anabarrach deonach air “Oran a’ Bhàta” fhaotainn. Air do ’n bhàrd so a chluinntinn chuir e an t-òran chuice agus “Moladh Móire” còmhla ris. Chòrd a’ chùis cho math ri Móir ’s gu ’n do chuir i “Fios-freagairt Móire” air ais gu Calum. Sin mar a chuala sinne co dhiubh. Hó mo bhàta laghach, ’s tù mo bhàta grinn, Hó mo bhàta laghach, ’s tù mo bhàta grinn, Hù ho ró mo bhàta, ’s tù mo bhàta grinn, Bheireadh mi á cunnart ged bhiodh muir ’n a glinn. Gur dona rinn Calum agus Ann’ ud thall, Dhol ’g a d’ thoirt bho ’n chladach gun m’ fharraid ’san ám, A’ seoladh leat do ’n Eilean, am measg chreag is mheall, Choimhead air an càirdean a tha tàmhach ann. Ach ma ni iad dolaidh air mo “Mhalaidh” ruaidh ’S fhearr dhaibh gun tigh’nn dachaidh, ’s fuireach fada bhuams’; Cha dean òr a dhioladh dhomh na ’s fiach mo luaidh, ’S nach deachaidh a h-àilleachd chur gu sàil’ bho Chluaidh. [TD 16] Gur bòidheach fo seòl i dol an òrdugh stri, Mar an eala gluasad air na stuadhan free, A’ sgoltadh nan tonn uaine sios m’a guaillibh; ’s i Fhreagaradh neo-chearbach ann an seirbheis righ. Nuair thig gaoth m’ a sliasaid dol air fiaradh thonn Air a h-uile sùrdaig chi thu null fo bonn Gu ’m bi frasan dlùth a tigh’nn m’a h-ùrlar donn, ’S gur e bhith ’g a seoladh dh’ fhàgadh ògail m’ fhonn. Ged a bhithinn anmoch air a’ Bhanc’ ud thall Cha b’ eagal le “Mailidh” gu rachadh mo chall; ’S ged bhiodh Neptune saoithreach cur m’a taobh nan steall Dheanainn caladh bhuannachd le gluasad neo-mhall. Tha mo “Mhailidh” ealamh gu dol do Mharg’ri, Nuair a gheibh sinn cùmhradh ann de fhlùr ’s de thì; ’S ged bhiodh gaoth m’ a guaillibh thig i nuas gun strì, ’S ged a ghabhainn drama sud chan aithnich i. Gur e dh’ fhag mi cràiteach thu bhith ’n dràsda bhuam, ’S nach fhaigh mi gu iasgach le mo lion do ’n chuan; Càch a’ deanamh fortain, saoil nach ’eil sin cruaidh, ’S mise ’n so fo mhighean ’nam shineadh air bruaich. Fhaoilinn sin tha sgiathadh air t’fhiaradh thar thonn, ’M fac thu ’n diugh mo bhàta, bheil i ’n àite lom; No bheil i air leth-taobh agus creag fo bonn Ann an cunnart sgaoileidh ma thig gaoth bhios trom? “Chunnaic mise ’n comunn a’ togail bho thir Le do bhàta bòidheach, b’ òg a choisinn gill, Direadh nan tonn craosach bh’ air gach taobh ’nam mill ’N ám do ’n oidhche dùnadh dol a null ’n a still. “’S mur deachaidh mo mhealladh bha maraich’ neo-chlì Dol a null ’s an eithear gu Eilean Mhargairì; Chuala mis’ am Beurl’ bhith ’g eigheach “heavy sea,” “Port your helm,” “starboard” agus “hard-a-lee.” [TD 17] ’S chunnaic mi ’n diugh “Mailidh” air a tarruinn suas Ann an àite sabhailt’ nach ruig àird nan stuadh, ’S thig i nall am màireach le siùil àrd gu luath Mur tig stoirm bhios gàbhaidh as an Aird a Tuath. MOLADH MOIRE. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Fhir a shiubhlas an ròd, thoir mo shoraidh gu Mòir, Nighean ghasda gun mhòrchuis ceum i; ’S gur e mànran a beòil thogadh m’ inntinn mar cheòl, Cha laigh smalan air còisridh ’n téid i; Cridhe fialaidh neo-ghann ris gach fear a bhios fann, ’S gu bheil mis’ ann am bann nach tréig mi; Mur tig dosgainn am chòir, gu ’n diol mi do Mhòir Aon fhéisd thug i dhomhs’, an creutair. Chuirinn fàilt’ ort a Mhòr, ’s chuirinn fear air do thòir Do ’m biodh fearann an còir nach tréigeadh, Deagh Mhac Dhòmhnaill nam beann, bu mhath làmh ann an crann, Le chuid each nach biodh fann air réidhlean; Fear a choisinneadh buaidh ann an réiseamaid sluaigh, Curaidh foghainteach, uasal, beurra; Bhiodh gun ghiorag le lann dol a sgoltadh nan ceann, ’S a bhiodh coibhneil an ám bhiodh feum air. ’S fhad o ’m b’ aithne dhomh Mòr, nighean cheanalta, chòir, Tha gu fàilteachail, beòthail, gleusda; S tearc ri fhaotainn mu’n cuairt, eadar deas agus tuath, Te cho aighearach, uallach, éibhinn; Cha laigh gruaman gu brath air a h-inntinn tha làn Dhe na gibhtean thug Nàdur fhéin dhi; ’S gu ma fad’ ise slàn measg a càirdean a’ tàmh, Cumail cridhealais àrd am Beurl’ riu. [TD 18] B’e mo dhùrachd do ’n té buaile shamhraidh làn spréidh, O ’n cluinnte tric geum ’san anmoch; ’S mu dhol fodha do ’n ghréin, chite Mòr as an déidh, No ’gam bleoghan le gleus neo-chearbach; Gu ’m biodh bainne ri òl, ’s gruth is uachdar air Mòir, Agus càis’ ann an tòrr bhiodh tarbhach, ’S cha bu chùram dhomh fhìn nuair a thighinn air sgrìob Nach biodh roinn de gach nì dhomh ’n tairgse. Many fellows, I know, are quite ready to go, A choimhead, hollo, air Sarah; Le cho cridheil ’s tha ì she will keep them in glee, ’S bidh na gillean a’ strì m’ a déidhinn; Some of them that are shy, ’s iad a’ fiachainn cho sly Ri faighinn car nigh le séithear, Ach cha ghabh ise h-aon de na fir a tha faoin, ’S e fear-fearainn le maoin do ’n géill i! (Air-son, “Fios-freagairt Moire,” faic taobh-duilleig, page 70). [TD 19] CUMHA. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Do Niall Mac Ghill-Eathain a mhuinntir Strath Latharna, ann an Siorramachd Inbhir Nis, an Ceap Breatuinn. Bha e ’na dhuine eireachdail ann an coltas, siobhalta ann an gniomh, agus ro-thaitneach anns gach dòigh. Chuir a bhàs mulad mór air gach aon do ’m b’ aithne e, gu sònraichte le e bhith air aobharachadh le sgiorradh, a chas a bhristeadh le tuiteam á carbad anns an robh e fhéin agus companach ag gabhail cuairt air feasgar bòidheach, samhraidh. Thug am post’ chugainn sgeul Nach robh taitneach leam fhéin bhith fior; ’S iomad fear agus té Bheir e osann nach réidh bho ’n cliabh; Gur e ’n diùbhail as géir’ Air Strath Latharn’ a dh’ éirich riamh, Bàs an òganaich thréin, Bha ro-thaitneach an beus ’s an gniomh. Neill Dhonnchaidh ’ic Iain Bhàin, Bu tù ’n t-òganach àluinn, grinn; ’S iomad cridhe bhios cràit’ Cho ro-thràthail ’s a dh’ fhàg thu sinn; Bidh gach sean agus òg Fhuair eòlas do chòmhraidh bhinn Fo throm mhulad ’s fo bhròn, Gu ’n deach thusa ’s a’ chòmhdach linn. Fhir a’ chridhe bha blàth, Fhir bu choibhneile mànran beòil; Fhir bha misneachail, àrd, ’S a bha measail air gràdh is ceòl; Fhir thug t’inntinn a ghnàth Do gach grinneas a b’ àluinn’ seòl, ’S e do phasgadh ’s na clàir Chuir fo mhulad na dh’ fhàg thu beò. [TD 20] Tha do chàirdean gu léir Fo throm mhulad ad dhéidh ’s fo sprochd; Iad a’ meòrachadh geur Air do ghniomharran treun gun lochd; Ged a thilleas gach treud Air an ceumannan fhéin an nochd, Cha tig ulaidh nan ceud Tha ’n a laighe leis fhéin ’s a’ chnoc. Bu mhór maise do ’n àit Fear do choltais bhith tàrmunn ann; Bu chliu cinneadh gu brath Fear do shuairceis bhith ’n clàr an dream; Ged bha Leathanaich àrd’ Ann am Muile nan sàr, ’s nam beann, Cha d’ thug Eachann do ’n bhlàr Fear a b’ fhearr na thu thàirneadh lann. Bha thu ’d dhuine gu d’ chùl, Bha thu ’d shaighdear ’s gach cùis gun fhiamh; ’S o’n a b’ aithne dhomh thù Cha robh mearachd no lùb ’nad ghniomh; ’N ám coinneachadh ’s a’ bhùth ’N tric a dh’ òl sinn le sunnt am fion, ’S beag a shaoilinn gur tù Bhiodh cho òg anns an ùir ag crion’. Gur i smaointinn gun bhuaidh Thug air thurus thu suas an Gleann; Air do thilleadh an nuas Fhuair thu ciorram ’s b’ e ’n truaighe bh’ ann. Ged bu smiorail gach uair Agus ealamh thu ’n cruadal teann, Chaill thu ’n cothrom bu dual, ’S chuir sin acaid ro-bhuan ad fheoil. Chuir sin aiceid ad chom A thog fiabhras ro-throm ’n a dhéidh; Cha robh dotair ’s an fhonn, No fear-sgil ann air bonn gu d’ léigh; [TD 21] Dh’ fhàg sud muladach, trom, Iomadh caraid bha sealltainn geur Gu ’n robh ’n ùine teachd teann Anns an ruigeadh tu ceann do réis. Ged is dùinte tha ’m bial Bhiodh a’ labhairt le rian gach là, Ged tha ’n t-sùil sin gun lias ’S an robh sealladh bha ciatach, blàth, Ged tha ’n cridhe bha fial Anns an duslach gu dian ag cnàmh, ’S ann an cuimhne nan ciad Bhios gach coibhneas bha ’n Niall a’ tàmh. Ged a leanainn gach là Air do chliu chur an Gàidhlig sios, Gheibhinn móran ri ràdh Mu do shubhailcean àrd bha ’m riar; Bheir sin dòchas le àgh Do gach neach a chuir fàilt’ ort riamh, Gu bheil t’ anam aig tàmh Ann an rioghachd nan gràs gu sior. [TD 22] NIGH’N DONN A’ CHUIL REIDH. LE CALUM MAC GILL-IOSA. AIR FONN—Willie’s on the Stormy Sea. E ho ró, mo nigh’n donn, E ho hù, nigh’n donn, E ho ró mo nigh’n donn a’ chuil réidh ’Ribhinn òg a bha rium Raoir ag còmhradh gu ciùin, Tha mo chridhe ’n diugh trom as do dhéidh. ’S è do chòmhradh, a rùin, Cainnt as ceolmhoire leam Na guth smeòraich an dlùth choill nan craobh, No bog thorman nan allt Tigh’nn o airigh nan gleann ’S mi ’s a’ mhoch mhaduinn shamhraidh ri ’n taobh. Tha do nàdur, a luaidh, Coibhneil, càirdeil, gun ghruaim, Gur e d’ àilleachd thug buaidh air gach té; Dh’ éireadh m’ aigne le sùnnd Nuair a choinnicheadh tu riùm, ’S chuirinn fàilt’ air nigh’n donn a’ chuil réidh. Gur a guirme do shùil Leam na ’n dealt air an driùchd, Nuair a dhearcas tu rùin orm gu caomh; Gu bheil maise mar nòin Chuireadh sgaoileadh air bròn Ann ad chruth, ’s b’ e mo dheòin bhith ri d’ thaobh. Tha gnùis àluinn gun ghruaim, Tha gun ailgheas, làn stuaim, ’S pearsa dhireach, dheas, uallach am falbh, Air am bòidhche thig gùn Anns an fhasan as ùir’ Aig an ribhinn as cùirteile dealbh. [TD 23] Tha do chàirdeas glé dhlùth Ris na h-àileagain ùr Bhiodh ’s na blàir feadh nan dùthchannan thall; ’S tric a bhuannaich iad cùis Ann am fàbhor a’ Phrionns’, ’S cha bhiodh onair an dùthcha air chall. Nuair a chit’ iad air sliabh, Bu ro-bhòidheach an triall, ’S gu ’m bu shuaicheantas riamh dhaibh ’s gach ám Long, is leoghann, is craobh, ’S an lamh-dhearg air an taobh, Bradan tarragheal, is fraoch glas nam beann. Na ’m biodh beairteas dhomh buan, Rachainn sgriob thar a’ chuain Do ’n Roinn Eorp leat, a luaidh nan deagh bheus; ’S ann an dùthaich nan sonn Bhiodh daoin-uaisle le fonn Ag cur fàilt’ air nigh’n donn a’ chuil réidh. ’S math thig fàineachan òir, Air na meòir sin as bòidhch’, ’S a bhios tric ann an seòmar ri gleus; Tha do ghruaidh mar an ròs, Chan ’eil uaill ann ad nòs, ’S gur leat seusar gach seòl agus beus. ’S iomadh cliù th’ air do ghnàths, A nigh’n donn na sùil bhlàth, Tha do shnuadh ann an àillead mar ghréin, Mar an flùran a’ fàs Ann an gleann ’s am biodh blàths, No mar Bhenus an àirde nan speur. Gur e coibhneas do chainnt A chuir bruaillean am cheann, ’S chan ’eil fuasgladh ach gann dhomh fo ’n ghréin; Chan ’eil léigh do mo chràdh Air an t-saoghal so mhàin, A nigh’n donn nan sùl blàth, ach thu fhéin. [TD 24] ORAN do CHRUINNEACHADH GAIDHEALACH a bha an INBHIR NIS, CEAP BREATOIN. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— ’S e Comunn mo rùin do ’n deachaidh mi nùll, ’S gu ’n d’ ghabh iad le sunnt na h-òrain ann. ’S e Comunn mo ghràidh do ’n deachaidh mi tràth, Air oidhche Di-màirt, ’s gu ’n d’ chòrd e rium. Bha Iain Mac Gill-Eathain ’n a shuidhe ’s a’ chathair, ’S e cumail an tighe an òrdugh dhuinn. Thog m’ inntinn gu aighear, ’s mi dìreadh na staidir, Nuair chuala mi caithream aig òigearan. Mi ’g éisdeachd a’chiùil bha shuas os mo chionn, ’S e choisneadh gach cliù ’s na Mòr Bheannaibh. An ceòl sin a bhà aig muinntir mo ghràidh, A ghleidheadh, ’s na blàir, an còirichean. Piob-mhór nan dos réidh aig Iain air ghleus, Gu ’n d’ thog i gach éislean còmhla dhiom. Chaidh ceathrar a dhanns’ gu fileant’ ’s an ám, Nuair chual iad an ceòl a’ tòiseachadh. ’S i cànain nan laoch do ’m bu shuaicheantas fraoch A labhair gach aon ’s a’ chòmhlan sin. ’S i Ghàidhlig ghlan, réidh, nach dìobair mi fhéin, ’S gur taitneach o bheul nan òighean i. O, faodaidh na Goill bhith laighe ’s a’ choill Mu ’n toir mise oidhche còmhla riu. Ma bhios e ’n am chomas ’s ann theid mi do ’n Chomunn, Bho ’n gheibh sinn gach sonas is sòlas ann. [TD 25] CUMHA do dh’ AONGHAS MAC GILL-IOSA, marsanta, a dh’ eug am PORT HOOD anns a’ bhliadhna 1885. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Di-dòmhnaich thainig sgeul chugainn Dh’ fhàg éisleanach gach cridh’, Chuir mulad air na dh’ éisd ris Tuille éibhneis òirnn cha bhì, O’n chuala sinn gu ’n d’ eug am fear Bha sunndach, fearail, treubhach, glan, Bha fialaidh ris na feumanaich, ’S bha beusach anns gach nì. Nuair fhuair mi ’n toiseach eòlas air, ’S gu ’m b’ òg mi anns an ám, Bu mhiannach leam bhith còmhla ris An fhear bu bhòidhche ceann; ’S cha b’ ìosal ann an seòltachd e, ’S bu mhùirneach e ’n a sheòmar Far am b’ eòlach mi air dram. Gur duilich leamsa ’n dràsta Fear mo ghràidh a bhith ’s a’ chìll, An t-sùil bu choibhneil sealladh leam, ’S a’ ghnùis, bu smiorail ì, An làmh o ’m faighte fàilteachas, An cridh’ o ’m faighte càirdealachd, ’S am beul o ’n tigeadh mànran A bhith ’n diugh fo ’n chlàr, gun chlì. Gur iomadh gin ’s an dùthaich Bhios ag ionndrainn an fhir fhial; Gach aon a th’ ann bha eòlach air Ag gal le bròn gu dian; Gur tric a thadhail càirdean, Is fir-shiubhail as gach àite air, ’S bu dòigh dha bhith cur fàilt’ orra Le mùirn, is gràdh, is ciall. [TD 26] Bu dòigh do dh’ fhear mo ghràidh a bhith Cur fàilt’ orra le fonn; Gu ciallach, fialaidh, pàirteach riu ’S gach rian o làimh neo-lom; Bhiodh branndaidh ’s fion air bòrd aige ’S gach ám, ’s gun dith air lòn aige; Bhiodh sòlas cridh’ le ceòl aige ’S a’ chòisridh nach biodh trom. Gu ’n cluinnteadh ceòl nan teudan tric ’G an gleusadh ann ad rùm, ’S bu mhiann leat a bhith ’g éisdeachd ris Le éibhneas agus sùnnd; Chan fhacas riamh fo ghruaman thu, Bha t’innitnn glan, neo-smuaireanach, Bu triath bha fiachail, uasal thu, Nach fhaigheadh fuath no diomh. Bu tu fear fonnmhor, furanach, Sàr churaidh nan each seang; Bu bhòidheach ann ad dhiallaid thu, Gun fhiaradh ann an eang; Gu ’n gleidhteadh réis gun chùram leat, ’S gu ’m b’ aighearach an sùgradh leat A bhith cur chaich gu ’n dùbhlan Leis an tùrn a bhiodh gun mheang. Bu dannsair air an ùrlar thu Bha sùbailt ann an ceum; Bu diunlaoch ann an dùthaich thu A leanadh cùis gu feum; ’S gur e do bhàs ’n ad òg laithean A dh’ inntir mòran bròin chugainn, ’S a chuir gu sgaoil air sòlas oirnn Mar bhadan ceò ri gréin. Gu bheil an t-àit ’s am b’ àbhaist duinn Bhith àbhachdach ’s gach ám, ’S am biodhmaid fonnmhor, briathrachail ’N ám riarachadh nan dram, [TD 27] ’N a fhàrdaich lom air fhàgail, ’S chan ’eil fear theid steach an dràsd an sin Nach cuimhnich air na làithean ud Le cridhe cràiteach, trom. Chan ioghnadh càirdean dlùth dhuit A bhith tùrsach mu do bhàs; Gu ’n d’ thuit ’n a lios am flùran sin Bu bhòidheach, cùbhraidh fàs; Ach guidheamaid gu dùrachdach Le creideamh glan ’n ar n-ùrnuighean Gu ’n deachaidh t’anam ùrachadh Le Righ nan Dùl ’s nan Gràs. [TD 28] ORAN LEANNANACHD. LE CALUM MAC GILL-IOSA. AIR FONN—’S e mo Chaochladh mor a thainig. ’S i Bhliadhn’ Ur so dh’ ùraich bròn domh, ’S i Bhliadhn’ Ur so dh’ fhàg gun sùnnd mi, Dh’ fhalbh mo run a b’ ùrail còmhradh. ’S i Bhliadhn’ Ur, so dh’ ùraich bròn domh. ’S i Bhliadhn’ Ur so dh’ fhàg mi cianail, Thog i trom ’nam chomsa fiabhras, Chan ’eil sunnd no fonn gu gniomh orm, Rinn mo chiallsa triall o’n chòrsa. ’S ioma car thig air an t-saoghal Ann an ùine ghearr nach saoil sinn, Gur e ghrian tha ’n diugh air raointean A bheir uisge ’s gaoth á neoil oirnn. Dh’ fhalbh an cailin donn gun m’ fhoighneachd, Shaoil leam nach b’ e sud a thoill mi; Bheirinn gùn á bùth troimh ’n choill dhuit, ’S dheanainn daoimean chur mu d’ mheòirean. Cheannaichinn earradh dhut de ’n t-sioda Nach biodh deireasach an riomhadh, ’S bheirinn srann air ceòl na fidhle Gus do mhighean chur air fògradh. Chunnaic mise ’n uiridh oidhch’ thu Ann an comunn, ’s math mo chuimhn’ air ’S bha do chridhe blàth le coibhneas, Shaoil leam nach robh foill ad chòmhradh. Bha do ghluasad uallach, ealamh, Cha robh fuath agam ri d’ ghealladh, ’S do dhà shùil bu tlàthaidh sealladh ’G amharc orm, ’s a’ mealladh m’ òige. [TD 29] ’S iomadh àilleachd a tha fuaighte Riut, a gràidh, thug bàrr an uaisle, Do bheul mànrain làn de stuamachd, ’S do dha ghruaidh air snuadh nan ròsan. Cha bhi mearachd, cha bhi fàillinn, Ann ad aodach ort an càradh; Bidh gach fasan ùr as àille Thig do ’n àite ort an òrdugh. Bidh gach fasan ùr is uaisle Ann an càradh grinn mu d’ ghuaillibh, ’S bidh t’fhalt bachlach, cleachdach, dualach Paisgte suas ’na chuairtean bòidheach, Làmh a’ ghrinneis thu, ’s na fialachd, Cridhe coibhneil, com na ciatachd, Meur de’n chraoibh thu ’s nach robh crionach, Tha thu shiol nach deanadh fòirneart. Tha thu shiol nan curaidh ainmeil, Ann an cruadal a bhiodh foirmeil; Gheibhte anns na blàraibh dearbhadh Tric air fearaghleus nam fear mòra. Bu tu mhaduinn, bu tu ’m flùran, Bu tu ghaoth o’n ghàrradh chùbhraidh, Ceann na céille, beul an t-sùgraidh, B’ e mo dhùrachd thu bhith còmh’ rium. Fhir a shiubhlas thun an àite Bheil a’ ghruagach dhonn a’ tàmhachd, Aisig uamsa mile fàilte Dh’ ionnsuidh ’n àilleagain as bòidhche. Giulain uamsa mìle beannachd Gu nigh’n donn nam buadh gun mhearachd, ’S innis dhi gur daor an leanachd Rinn a gaol a cheannach dhòmhsa. [TD 30] CAILIN NA DUTHCHA. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Ho ró, gu ’n teid mi fhin ’s thu fhéin, Theid sinne le chéil, gu féill nam maithean. Ho ró, gu ’n téid mi fhin ’s tu fhéin. Nigh’n donn nan sùil blàth, ’S tu bhuannaich mo ghràdh An gleannan nam bà ’S an tàmh na h-aighean. An gleannan mo rùin, Bidh samhradh air tùs A’ fosgladh caoin ghnùis Nam flùran meala. Bidh coireal nan ian Ann leadarra, dian, Nuair dh’ éireas a’ ghrian Air slaibh nam beannaibh. ’S e dh’ ùraicheadh fonn ’S a’ chridh’ tha ’nam chom Do chòmhradh neo-throm, Nigh’n donn nam meall-shuil. Tha maise nach géill Ad aghaidh ghlan fhéin, Mar aiteal de ’n ghréin ’S an éirigh mhaidne. A ribhinn nam buadh As bòidhch’ ’san taobh tuath, Cha choisinn thu fuath; ’S tu luaidh nam fearaibh. Nuair thogas tu fonn Air òran neo-throm, Thig cruitearan thom Air lom ’s na crannaibh. [TD 31] Guth binn, fallain, réidh, Mar òrgan air ghleus, Aig ribhinn nam beus As éibhinn caithream. Ged bha Jenny Lind, Bhan-cheilearaich, binn, Gu ’m b’ fhearr leam le cinnt Guth cinn na h-ainnirs’. Thug Nàdur do m’ luaidh Gach àilleachd is buaidh, Le grinneas gun uaill, ’S le suairceas ceanalt’. Tha coibhneas is tùr A’ dealradh ad ghnùis, ’S gur glaine do shùil Na ’n driùchd ’s a’ mhaduinn. Gur aotrom do cheum A’ tional na spréidh, ’S crodh druimfhionn ad dhéidh Le geum tigh’nn dhachaidh. Cha toir thu do làmh Do bheairteas gu bràth; Gu ’m b’ fhearr leat na ’n t-sràid Bhith tàmh ’s a’ Ghleannan. Gu ’m fhearr leat na uaill Le stòras a bhuain Bhith ’g imeachd mu ’n cuairt Feadh bhruach is bhealach; Bhith còmhnuidh gun bhròn, Gun deireas air lòn An Gleannan a’ cheò Le òigear smearail. [TD 32] CUMHA DO CHALUM AN TAILLEIR AIR DHA DOL AIR SGRIOB DO PHICTOU. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Is e duine sùnndach, cuireideach a bh’ ann an Calum an Tàilleir, agus b’ e mhiann a bhith ri spòrs am measg na h-òigridh. Mar so, b’ e a bheatha anns gach còmhdhail. Deoch-slàint’ an àrmuinn shùnndaich ud Bhios fir an àit’ so ’g ionndraichinn, Gur tric a rinn sinn sùgradh ris Air ùrlar nan gleann uaine. Rinn mulad mór oirnn tàrmachadh O’n dh’ fhalbh thu as a’ Bhràighe so, ’S e dùrachd mhath do chàirdean H-uile fàbhor a bhith buan dhuit. ’S e dùrachd na bha eòlach ort, Gu ’n till thu fhathast beò chugainn; Gur tric a bha do spòrs ag cur Aig fògradh ar cuid smuairean. Gur tric a chite gruileagan De dh’ fhearaibh cridheil, sunndach, glan, Is Calum ann an cùil aca ’G a ghiùlan air an guaillibh. Bu mhiannach leis an òigridh A bhith tric a’ tional còmhla riut, B’ e rùn an cridhe ’n còmhnuidh Bhith ri gòraiche mu ’n cuairt dhuit. Bu tù ’m fear fonnmhor, àbharrach, Bha làn de stuaim le càirdealachd; Bu dual dhuit fhéin o d’ phàrantan A bhith ’nad nàdur suairce. [TD 33] Bhiodh fonn neo-throm o ’m bitheadh tu Bhiodh sùgradh ann is cridhealas, Bu mhùirneach aig na gillean thu Ged spioladh iad do chuailean. ’S a’ chomunn òg, na ’m bitheadh tu, Gu ’m faighte còmhradh suidhichte, ’S cha b’ fhear gun chonn am bruidhinn thu ’N am suidhe measg nan uaislean. Bha pearsa dhireach, liont’ agad, Gun char, gun lùb, gun fhiaradh innt’, Mar bh’ aig na Gàidheil fhiachail ud Bha ’n Alb’ air sliabh nam fuar bheann. Gu ’n tigeadh brògan àrd-shaileach, Is triubhas de chloth sàr mhath dhuit, Is còta gearr o ’n tàillear Ann an càradh mu do ghuaillibh. ’S math thigeadh claidheamh stàillinn Air do chrios gu dol an gàbhaidhean, ’S gur mairg a bheireadh tàmailt dhuit Nuair dheanadh t’àrdan gluasad. Bu dannsair air an ùrlar thu Bha fonnmhor, fearail, sùbailte, ’S nuair sheinnte na puirt dhùbailte Bu lùthmhor dol mu ’n cuairt thu. Bu mharcaich’ air each rìomhach thu, Cha robh do leith’d ’s an sgìreachd so; ’S cha deach fear eil’ air “Peabody” A bheireadh speed cho luath as. Bu bhriagh leam a bhith sealltainn ort Dol seachad leis air cabhsairean; Cha bheireadh gaoth a’ gheamhraidh ort, No ’n dreolan, ma ’s e ’s luaithe. Ach nise bho’n a thréig thu sinn Gu ’n d’ fhalbh gach spurt is éibhneas oirnn, ’S gu bheil gach cridhe deurach Ged is fheudar dhuinn cur suas leis. [TD 34] MAIRI LURACH. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— E ho ró, mo Mhàiri lurach, ’S duilich leam gu ’n d’ fhàg thu ’m fonn, ’S muladach mi as do dhéidh-sa, Tha mo chridhe deurach, trom. Nuair a chunnaic mi air thùs thu, Bha do nàdur mùirneach leam; Fhuair thu buaidh ’s an uair air m’ ìnntinn Le do chòmhradh cìnnteach, ciùin. Nighean donn a’ chuailein chraobhaich, Thug mi gaol dhut is mi òg; Gur e tuaileasan mo chàirdean Chum sinn gun bhith ’n dràsda pòsd’. Rinn mo chàirdean orm an eucoir, ’S mairg a dh’ éisd ri cainnt am beòil; Nuair fhuair mise mach an fhirinn, ’S glan bha ’n ribhinn air gach seòl. Tha thu shiol nan daoine smearail, Cloinn Ghill-Ios’ bha fearail thall; Moraraich nach sòradh gluasad, A chur ruaig air sluagh nan Gall. De Chloinn Chàtain bha do shìnnsear, Saighdearan bha dìleas, treun; ’S tric ’s an àraich a bhiodh pàirt dhiubh Cur an nàmhaid tràth bho fheum. Thog iad fearann ann am Mabou ’S rinn iad àitheachas le gleus, ’S ann an sin a fhuair thu t’àrach, A nigh’n donn as àille beus. [TD 35] Nuair a bha thu leamsa còmhnuidh, Bha mi gòrach anns an ám Nach d’ rinn cùmhnant riut a dh’ fhòghnadh An eaglais Iona thall. ’S ann an diugh is léir domh mhearachd, Dh’ fhalbh mo leannan gaolach bhuam; Ach ged tha thu ’m Boston riomhach ’S tric a chi mi thu ’s mi ’m shuain. ’S tric a chi mi thu ’s mi ’m chadal Ann an caidreamh dileas, buan; ’S trom bhios m’ inntinn ’n am dhomh dùsgadh, Muladach ’g ad ionndrainn bhuam. Chan ’eil àit an d’ rinn thu gluasad Mu na bruachan so ri d’ là Nach cuir m’ inntinn fhéin gu luasgan, Cuimhneachadh nan uair a bhà. Cuimhneachadh nan uairean sòlais A bha thusa còmh’ rium fhein, Cur gach inneal grinn an òrdugh, Teagasg dhòmhsa còmhradh-céin.* Chan ’eil gin an diugh ’s an t-saoghal Dh’ aisigeas dhomh aoidh is fonn, Chuireas fògradh air mo mhighean Ach mo Mhaili dhileas, dhonn. Eirigh grian ’s an àird an iar oirnn, Diridh sruth air fiaradh bheann, Mu ’n diochuimhnich mise ’n ainnir Rinn mo ghràdh a mhealladh teann. Deud ro-chòmhnard, gruaidh mar ròsan, ’S ro-bhinn leamsa glòir do bheòil, Dà shùil dhonn is glaine sealladh, Cùis a’ mheallaidh, bean do neòil. Ainnir dhonn a’ chuailein chraobhaich, Thug mi gaol dhut is mi òg, ’S cha toir mise gaol thé eile Gus an téid mo chur fo ’n fhòid. * Còmhradh-céin, telegraphy. [TD 36] MOLADH A’ CHUIL. LE CALUM MAC GILL-IOSA. ’S toigh leam, ho ro hù, Bhith ’s a’ Chùl a’ fuireach, Measg nan daoine còire Le mo dheoin o ’n uiridh. ’S toigh leam, ho ro hù, Bhith ’s a’ Chùl a’ fuireach. ’S toigh leam a bhith ’s t-samhradh Direadh mu chuid alltaibh, Sòbhrach agus neòinean Pailt gu leòir ’s gach tulaich. Fear a theid air chuairt ann, Gheibh e móran suairceis Measg nan sàr dhaoin’-uaisle Nach bi’n gruaim ri duine. Chi e obair Nàduir A ni feum d’ a chàileachd, Measan milis, tlàth, is Coille ’s àille duilleach. Grian ag éirigh boillsgeil, ’S a’ dealradh mar dhaoimean, Sgaoileas ceo na h-oidhche Thar gach roinn is mullach. Fàileadh gaolach, cùbhraidh Feadh nan glac ’s nan stùcan, Eoin a’ seinn gu sùrdail, ’S bòidheach leam an culaidh. [TD 37] Bidh lon-dubh ri òran Anns a’ mhaduinn cheòthar, ’S guileag aig an smeòraich Treòrachadh a h-ulaidh. ’S miorbhuileach an gleusadh Bhios aig eòin nan speuran, ’S gur e bhith ’g an éisdeachd Dh’ fhògras éislean buileach. Tuathanaich an aonaich, ’S leotha crodh is caoirich, Pailteas bidh is aodaich Aig gach aon ri chumail. Fàsaidh fiar as t-samhradh, Fasaidh coirce ’s eòrna, ’S nuair a thig an geamhradh Cha bhi gann dhiubh duine. Fear a th’ air an ìosal Ann an trioblaid ìnntinn, Dearbh, ma ni e dìreadh, Falbhaidh mhìghean uile. Gheibh e ùrach’ slàinte Feadh nam beanntan àrda, ’S anns na tighean tàmha Gheibh e fàilt’ is furan. Gheibh e òrain Ghàidhlig Anns gach comunn càirdeil, ’S bidh gach àilleachd nàduir Iomadh là ’ga chumail. [TD 38] CRUINNEACHADH SHANDAIDH SHEUMAIS LE CALUM MAC GILL-IOSA. Hoirionn hó o ró hù o, Hi hiùribh o ró hug éile. Fhuair mi cuireadh coibhneil, càirdeil Dol gu àite Shandaidh Sheumais. Dol a sheinn nan òran Gàidhlig Ann an cainnt nam bàrd bu ghéire. Orain ghasda bu ghlan tionndadh, Thogadh sunnd air cuideachd eutrom. Ann an cainnt nan sonn do ’m b’ àbhaist A’ bhuaidh-làrach le ’n cuid euchdan. Chuala mi guth ghillean òg’ ann, ’S rìbhinnean bòidheacha, gleusda. Dh’ éisd mi ri guth Eoghain Dhonnchaidh, Chuala sibh iomradh mu dhéidhinn. ’S tric a sheinn e luinneag bhòidheach ’N ám bhith dròbhaireachd na spréidhe. ’S tric a chum e fir ’nan caithris Air a’ Mharion ’g a éisdeachd. ’S tric am bruachan gorm’ Bhras d’ Oir Bha mac-talla beò ’n a dhéidh-san. Chuala mi guth Saireig Dhòmhnaill Mar an smeòrach maduinn chéitein. ’Na cuid òran cha bhi fàillinn, Dh’ ionnsaich i Ghàidhlig a leughadh. [TD 39] Chuala mi guth Ailig òig ann, ’S e cho binn ri eòin nan speuran. Gabhaidh e gach òran blasda Air gniomh is cleachdadh nan treun-fhear. Orain air na laoich bha ’n Albainn, ’S a choisinn sinn anns an Eipheit. Bha Cloinn Fhionnghain òg o ’n Léig ann— Seinnidh iad bàrdachd gun éislean. Seinnidh iad bàrdachd gun mhearachd Air cliu àrd nam fearaibh treuna. Fhuair iad an gibht sin bho Nàdur, ’S iomadh ait’ ’s an dean e feum dhaibh. Chuala mi òran gun smalan Tigh’nn o Chalum Mac Gillealain. Chuala mi Fionnlagh is Dòmhgain, Casaidh òg is Magaidh Sàra. Gabhail nan òran a b’ àille, Gun ghin bu tàire na chéile. Leam bu mhiannach iad bhith còmh’ rium ’N ám an clòth chur air a’ chléithe. Hù ho, cumaibh suas a’ Ghàidhlig, Ged nach toir sinn tàir do ’n Bheurla. Cumaibh suas a’ Ghàidhlig bhrìoghmhor Chionn gur cainnt ar sìnnsridh fhéin i. O’n ’s i cainnt nan curaidh calma Rachadh dalma ri uchd streupa. ’S iad a bhiodh an tùs a’ chruadail, ’S iomadh buaidh leo tha ri leughadh. [TD 40] ORAN AILEIN. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Ailean, tha mi ’n dùil, Air a chùl thoirt ruinne, Còmh’ ri Aonghas Bàn, Fad an là ri mire. Ailean, tha mi ’n dùil, Air a chùl thoirt ruinne. Dh’ fhalbh e ’n dé do ’n Bhràighe, ’S cha till e gu bràth as; Fìdhleireachd is bàrdachd ’N diugh is fheàrr na sgillinn. B’ fhearr do dh’ fhear bhith còmh’ riuth’ Tacan beag ri gòraich Na bhith taobh an stòidhir Brònach, mar tha mise. Tha fios gu bheil drùdhag Aca chuireas sùnnd orr’, ’S fheairrde fear air tùchadh Sùbag dhe bhith tighinn. Fear a bhios car luaineach, ’S mór is fheairrd e cuach dhe, Fògraidh e gach smuairean, ’S gheibh e suaimhneas cridhe. Ged bhios iad ’ga chàineadh, Olar anns gach àit e; Ghabhainn fhin an dràsd e, ’S gu dé fàth bhith bruidhinn. Nuair gheibh iadsan dram dhe, Theid Ailean a dhannsa, Seinnidh Aonghas ceòl da— ’S eòlach mi mu ’n dithis. [TD 41] Chan fhiach ach puirt dhùbailt’, Bidh na daoine sùbailt, H-uile car is tionndadh Tigh’nn ri rùn an cridhe. ’S eagal leam nach tìll e Gu anmoch, ’s gu ’m bì mi Gun an cupan tì No rud a nì e milis. Bidh mi tilleadh diùmbach Gun an tì no ’n siùcar, ’S bochd an rud an stiùrac Gu sùnnd chur air cridhe. Ma thig e bho anmoch, Fhad ’s a bhios e meanmnach, Gheibh mi leis an airgead Gach bargan a shireas. Mur tig e gu màireach Cha bhi ceann ’na àite, ’S chan fhaigh fear na dàlach Móran fàbhair idir. B’ fhearr leam fhéin gu ’m pòsadh Ailean mar bu chòir da, ’S gu ’m faigheadh e còmh’ ris Caileag bhòidheach, chridheil. Gruagach ghasda, ghleusda, B’ aithne biadh a gréidheadh, Sin mo dhùrachd fhéin da Ge b’ e dé their ise. Ach ma gheibh e ’n té sin, Cha bhi dad de éis orr’ Fhad ’s a mhaireas teudan, No ghleusas e ’n fhiodhull. [TD 42] ORAN DO ’N MHAC-TALLA. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Bha Calum ag gabhail fadail nach robh Mac-Talla tighinn cho riaghailteach ’s bu mhath leis, agus is e a rinn e an t-òran a leanas a chur ri chéile. Séist— Gu dé chùm mo rùn gun tighinn, Gu dé chum mo rùn gun tighinn, B’ e mo mhiann air gach Di-haoine Bhith tacan ri d’ thaobh a’ bruidhinn. Oigeir dhuinn, tha mise ’n déidh ort, B’ òg thu nuair a thug mi spéis duit, Ann ad aodann rinn mi leughadh Na fir ghleusd’ o ’n d’ rinn thu tighinn. B’ òg thu nuair a fhuair mi eòl ort, B’ fhada leam gu ’n d’ fhuair mi còir ort, Chuir mi fichead de m’ luchd-eolais Leis na dollair òir ’g ad shireadh. Gur neo-sgafanta do chòmhradh, ’S beag tha ’d chom de dh’ fhonn na ròlaist; Mòran firinn, beagan bòilich, A gheibh sinn an còmhnuidh ’d bhruidhinn. ’S iomadh buaidh tha air an àrmunn, Gheibh thu faoilte ’n cùirt na Bàn-righ’n An Ceap Breatuinn a chaidh t’àrach— Tir an àigh, nam màgh, ’s nam fireach. Tir na machair ghlain ’s nan alltaibh, Tir nan craobh as àille cleòca, Tir nan òb as bòidhche ’s t-samhradh, O ’n faigh bata-seòlaidh iomairt. [TD 43] Tir nam flùr ’s a’ mhaduinn bhraonaich, Tir nan eun a’ seinn ’s an aonach, Tir as bòidhche th’ air an t-saoghal, Tir tha fir le maoin a’ sireadh. Gur beag ìoghnaidh thu bhith ’d shlàinte ’S na fir oileanta thug gràdh dhuit— Thug Mac Gill-Eathain a làmh dhuit, Iomadh sgoillear àrd is filidh. Chan ’eil cùram gu ’n tig crìonadh Air an lasgaire gu sìorruidh, Tha na miltean feadh nan crìochan Gur le cridhe fial ’g ad shireadh. ’S iomadh fleasgach làidir, lùthmhor Tha ’n a charaid air do chùlaibh Sheasas ro-dhileas an cùis thu, ’S nach leig beud ad ionnsaigh tighinn. Leis an inbh’eachd ud o’n ghluais thu, Leis gach fàbhar tha riut fuaighte, ’S iad do chompanaich na h-uaislean, Fhir gun ghruaim, ’s a luaidh nan nighean. ’S iomadh gruagach òg tha ’n déidh ort Eadar Alba agus Eirinn ’S ann an Canada tha ceudan Ni do leughadh ghleusta, fileant’. B’ annsa leam na ceòl na fìdhle ’S a cuid theud an déidh an sìneadh Eolas bhuat mu dhol ar sìnnsir, ’S air gach strì o ’n d’ rinn iad tilleadh. Buaidh do ’n fhear a dh’ àraich òg thu, ’S a sgeadaich maiseach an clòth thu, ’S caraide nan Gàidheal còir e, ’S chan fhaic iad a chòir ’s an iomairt. [TD 44] BAL NA H-AIBHNE DEAS. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist—Bhean an tighe, fàg an siola, ’M botul làn a tha mi sireadh, Dh’ òlainn deoch-slàinte nan gillean A dh’ imich Di-luain bhuainn. Chruinnich, còmhlan cridheil, ùrail, Fonnmhor, farumach, glan, cùirteil, ’S gur e dh’ fhàg mi trom fo chùram An luchd-ciùil bhith bhuapa. Thainig pàirt dhiubh ’m beul na h-oidhche, Tacan mu ’n do las sinn coinnlean, ’S na ’m biodh againn mac Iain Doyle Gu ’n deachaidh roinn air ghluasad. Gu ’n robh feadhainn as gach àit ann, Fir á Seistico ’s á Màbou, Fir á Siudaic nam beann àrda Bhiodh làmhach ’s a’ chruadal. Cha robh bhuainn an sin ach fìdhleir Leis an gluaisemaid ’s an rìghle, ’S e bhith cur earbsa á trì dhiubh Chuir mi fhìn cho luaineach. Labhair Dòmhgain le guth àrd ruinn, “O’n a tha luchd-ciùil ’s a’ Bhràighe Falbhaidh mise leis an làir, ’S thig Peadar Dhaibhidh nuas leam. “’S nuair a gheibh e cupan tì bhuainn, Mir de dh’ aran agus ìm air, ’S a ghlacas e ’m bogha-sìth Gur trom an nì nach gluais leis.” [TD 45] Labhair fear eile, ’s e ’g éirigh, “Theid mi dh’ iarraidh Aonghais Pheutain, ’S nuair a ni e tromb a ghleusadh Eirigh sinn gu luath leis.” “Nuair bhuaileas e i le chorraig, Seinnidh e ceol a bhios toilicht’— ’Sud mar Chaidh an Càl a Dholaidh,’ ‘’S dhiult am Bodach Cruach Dhomh.’ “Seinnidh e dhuinn ‘Calum Brògach,’ ‘Righlidh Cailleach Eachainn Mhòir,’ Is ‘Nead na Circe Fraoich’ gu h-òrdail, ’S cha bhi mòran gruaim air.” Chualas glagaichean ri crònan, Agus fir ag gabhail òran, Thainig na fidhleirean còmhla, Gillean òga, uallach. Nuair sheinn Raonull “Calum Crùbach,” ’S a chaidh ceathrair air an ùrlar, Rinn mi seasamh air an cùlaibh, ’S thug mi rùn do ’n ghluasad. Fhuair iad ceol, ’s cha robh e cearbach, Ceol as am biodh dannsair earbsach, ’S e rud bochd a bh’ ann gu dearbh An Carghus thigh’nn cho luath oirnn. ’S ann bha chaithream anns an rùm ud, Mar nead chonnspach air a spuilleadh, ’S rinn iad feum bha mór dhe ’n ùrlar Anns an ùine fhuair iad. [TD 46] CUMHA do BHEAN DHONNCHAIDH ’IC GILLE-MHAOIL, SIUDAIC BHEAG, a chaochail ’s a’ bhliadhna 1888. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Tha sac trom air mo chridhe, ’S deoir a’ ruith le mo ghruaidh; Cha dean lighiche feum dhomh, Tha mo chreuchdan ro bhuan; Rinn am bròn orm drùdhadh O’n là thùrsach gun bhuaidh, Chaidh mo Mhàiri chùil àluinn Chur an càradh ’s an uaigh. Nuair bu bheo thu ad shlàinte, Bha thu àrd ann an spéis; Bha do phearsa gun fhàillinn, ’S bha do nàdur d’a réir, Coibhneil, carthannach, càirdeil, Ciùin, bàidheil; ’s gach té Fhuair eolas ri d’ là ort An diugh cràiteach ad dhéidh. Bu tu ’n com ’san robh ’n uaisle, Agus suairceas neo-ghann; Cha robh comunn ’s ’n do ghluais thu Bhiodh fo ghruain is tu ann; Bha thu shiol nam fear fuasgailt’, Gàidheil uasal nam Beann Nach biodh tais an ám cruadail Dol a bhualadh nan lann. Ged a chaill thu do chòmhradh Nuair a thòisich am bàs Air cur ionnsuidh an céill dhut, Bha do reusan gun sgàil; [TD 47] ’S ann bha d’ inntinn gu beachdail, Agus neartmhor ’s a’ chàs A’ sior ùrnuigh le dòchas A neart sòlais nan gràs. B’ òg mise agus Màiri Siubhal àirigh nan gleann Ann an eolas ro-ghràdhach, ’S ann an càirdeas ro-theann, ’S nuair a ni mi ’n diugh smaointinn Air a’ ghaol nach robh gann, Gu ’n tig osna le reusan Gun i fhéin a bhith ann. Gun thu ’n diugh a bhith ’n làthair, Gur e dh’ fhàg mi gun fhonn, Gun riaghailt, mar bhàta Bhiodh air àirde nan tonn, ’S i gun ràmh no gun stiùir oirr’, No gun siùil rith’ air bonn, A’ sior thuiteam ’s na glacan Gu lan-airtneulach, trom. Chaidh mo sporan a spùilleadh Ann an ùine bha geàrr; Chaidh mo shòlas a mhùchadh; Loisg mo rùm thun a’ bhlàir; Thainig stoirm o na dùilean, ’S fhrois i m’ ùbhlan gu làr; Chaill mi fradharc mo shùilean, ’S chaidh mo chùrs’ a chur ceàrr. Chaidh mo churs’ a chur iomrall; Chaidh an ailm a thoirt uam; Chan ’eil acarsaid dlùth dhomh, ’S gur a tùrsach an cuan; Mo reul-iuil air a smàladh, ’S creagan àrda mu’ n cuairt, Agus dùbhlachd a’ gheamhraidh Tigh’nn le srann agus fuachd. [TD 48] Ged a théid mi do ’n leabaidh Chan e ’n cadal mo mhiann ’S mi ri caoidh na rinn m’ fhàgail ’N tùs an ràithe so thriall, ’S ma thig lochd orm air uairibh, Ann am bruadaran dian, Chi mi Màiri mar b’ àbhaist Làn àilleachd le ciall. ’S ged bheir m’ aisling dhomh sòlas Ann an còmhdhail ri m’ luaidh Tillidh mulad as ùr rium Nuair a dhùisgeas mi suas: Cha bhi Màiri ri ’faicinn, O mo chreach, i bhith uam Ann an cadal nach crìochnaich Gu là ’n dìolar dhuinn duais. Ged a thilleadh an samhradh Agus eoin do an choill, Agus flùrain do ’n fhàsach, Cha tig Màiri gu m’ chloinn, ’S ged bheir tim ann an cuairt oirnn Móran suaimhneis le loinn, Cha tig bean a’ chùil àluinn, ’S gur a cràiteach sin duinn. ’S e bhith léirsinn do shùilean ’N ám dhaibh dùnadh fo sgleò A chuir saighead am chridhe ’S a dh’ fhàg m’ ìnntinn an ceò; ’S gur e bhith ’ga do chàradh Ann an clàraibh gun deò A thog acaid trom cléibh dhomh, Ni nach tréig mi ’s mi beò. [TD 49] TURAS DO SHIUDAIC. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Hi dù, o hó, na ’m b’ àill leibh e, Deoch-slàint’ an fhir o ’n thill sinn. Hi hù, o hó, na ’m b’ àill leibh e. Mu thùs na bliadhna thàinig oirnn A ghluais sinn as a’ Bhràighe so Thoirt sgriob a choimhead àiteachan, ’S chur seachad pàirt d’ ar mìghean. Gu ’n d’ fhuair sinn beathach, ’s phàigh sinn i, O fhior dhuin-uasal àraide, ’S nuair chuir sin oirre harness Cha robh h-àicheadh anns an tìr seo. ’S nuair rinn sinn béin a chàradh oirnn ’S an t-sléighe dhuinn, ’s bu làidir i, Dol seachad suas am Bràighe Cha robh dad ri ràdh a dhìth oirnn. Bha ’n t-side fuaraidh, feannt’ againn, Bha gaoth bho thuath, ’s i reoidht’, againn, ’S gu ’n thadhail sinn an gleann a bh’ ann A shealltainn air an rìbhinn. ’S gu ’m bu fada slàint’ aig An fhear ghrinn thug fiar do ’n làir againn, ’S a thug an cuireadh càirdeil dhuinn Gu pàirteachadh ’n a dhinneir. Ach fhir a theid do ’n àite sin, Thoir soraidh choibhneil, chàirdeil uainn A dh’ ionnsuidh Maiseag Phàdruig, Agus Seonaid bhàn nam mìog shuil. A’ dol a null an àirigh bh’ ann Gu ’n d’ choinnich seann lair bhàn ruinn A chuir seachad roinn d’ a làithean Ann am pàircean am Marg’ rì so. [TD 50] Bu chuimhneach leinn an làir ud Bhith aig Calum Mór Mac Phàrlain, Oir bha cas cho cam ’s a b’ àbhaist di, ’S bha coltas gàbhaidh sgìth oirr’. ’S gu ’n d’ rinn sinn cùrs’ neo-fhàillinneach Air gleann dubh, fada, fàsachail, ’S gu ’n d’ fhuair sinn feadhainn chàirdeil ann, ’S cha nàr leinn bhith ’g a ìnnseadh. Ged theirinn fhéin gur dòigheil iad, ’S gur sùnndach, fialaidh, ceòlmhor iad, ’S gur dìreach, glan ’n an còmhradh iad Cha chanainn còrr ’s an fhìrinn. Ach ma gheibh Iain Mac Phàdruig oirnn Am mach gu ’n robh an làir aig’ ann, Theid sinne chur gun dàil, A dh’ aindeoin pàighidh, anns a’ phrìosan. ’S tha daoine ciatach, còire Thachair ormsa, ’s air Iain Dhòmhnaill, ’S gur i bhean aig Ruben Hawley A thug aran eòrn’ is tì dhuinn. Gu ’n d’thug sinn a’ Bhliadhn’ Ur oirre ’S an tigh ’s am faighte fiùghantachd Le fear tha fialaidh, mùirneach, ’S cha bu sgeul as ùr ri ìnns’ e. Bu dòigh cur seachad oidhche dhuinn Bhith ’g òl gach stuth a dh’ fhaighnichte ’N ar suidhe laimh ri maighdeannan, Lan coibhneis is toil-ìnntinn. Bha fir a dh’ òladh dram againn, Bha fir a dheanadh danns’ againn, Gu lùthmhor, fearail, seòlta, Nuair a chual iad ceòl na fìdhle. [TD 51] Gu ’n d’ ghluais sinn as an àite sin Le beagan sneachd air làr againn; ’S e feasgar la-r-na-mhàireach Thug gu àite Thearlaich ’c Neìll sin. B’ e sud an t-àit a dh’ fhaighnichdinn, ’S gu ’n d’ fhuair sinn mòran coibhneis ann, ’S ged dh’ fhanamaid, bhiodh time againn, Gu oidhche nan Trì Rìghrean. Ach ’s eagal leam roimh Bhealltainn Gu ’n tig fios gu àite Sheorais Mu na gillean bha ’s a’ ghleann ud, ’S gu ’m bi ’n ceol air feadh na fìdhle! ’S o’n thill sinn sùnndach, sàbhailte, Do ’n tir ’s an deach ar n-àrachadh, Gu ’n d’ chuir sinn dhachaidh ’n làir ud Air a càrdadh, ’s air a chìreadh! [TD 52] ORAN DO DHONNCHADH BAN MAC AN T-SAOIR LE CALUM MAC GILL-IOSA. Bha còmhlan mór cruinn fo sgéith Comunn Gàidhealach Inbhir-Nis, Ceap Breatuinn, anns a’ Mhàrt, 1924, mar onair do latha breith a’ bhàird ainmeil, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, a rugadh dà chiad bliadhna roimhe sin an Druimliaghart, Gleann Urchaidh. Chaidh beagan uairean a chur seachad gu toillichte a’ seinn a chuid òran agus ri fearas-chuideachd eile a bha taitneach leis gach aon a bha an làthair. Rinn agus sheinn am bàrd an t-òran a leanas:— Séist— Oganaich an òr-fhuilt bhuidhe, Leis an éireadh sealg is sithionn, ’S ann ad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. Fhir a rugadh an Druimliaghart, Bu tu fhéin an Gàidheal ciatach, ’S tha sinn móran ann ad fhiachan Air-son briathrachas do bheòil. Dh’ fhàg thu againn dìleab ghlòmhor, Fhonnmhor, ionraic, bhrìgheil, cheòlmhor; ’S fhuair thu tàlann a bha sònraicht’, ’S chuir thu ’n òrdugh i gun mheang. Chuir thu sios an Gàidhlig bhlasda D’ inntinn anns gach seòl a chleachd thu: Ailleachd nàduir anns gach aiteal A gheibh sinn gu pailt ad chainnt. Ged tha sinn an so an dràsda Ann an Albainn Nuadh a’ tàmhachd, Dh’ aindeoin drip an t-saoghail, ’s ànradh, Cha bhi Donnchadh Bàn air chall. [TD 53] Theid sinn a Bheinn Dòrain còmh’ riut O’n an tric a rinn thu tòrachd, Sealg gu dian air fear na cròice, Eilid bhòidheach, agus mang. Theid sinn sios leat Coire Cheathaich O’n bu shiùbhlach bhiodh na h-aighean; Bhiodh luchd frìthe tric ’g a leantainn Anns a’ chamhanaich gu trang. Cha robh eun no flùr ’s an aonach Nach do chuir thu ’n dealbh fo-dhaor dhuinn, Bhiodh gach sliabh is machair gaolach Nuair a sgaoileadh tu dhiubh ’n t-sreang. Gunna dùbhghorm ann ad achlais, Beagan phùnnd de dh’ fhùdar Ghlaschu, Peilear teann, is cuifein asgairt, ’S bhiodh tu beairteach aig gach ám. Sealg nam frìthean, ’s iasgach buinne, Thug thu barr thar chàich orr’ uile; B’ e do mhiann a bhith ’s a’ mhunadh Leigeil cuilean ri damh seang. ’S iomadh cuideachd àluinn, uasal, Bheireadh cuireadh dhut o d’ bhuadhan; B’ e do dhòigh bhith ’g gabhail dhuanag Nuair chuirte mu ’n cuairt an dram. Caithidh sinne nochd na h-uairean Togail cliu is onair suas dhuit; Fear nach lean sinn, togaibh uainn e, ’S aobhar gruaim dhuinn e bhith ann. [TD 54] ORAN AN TAGHAIDH. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Ho di rì, ’s na hi u ó, Ho hi rì, ’s na hi u ó, Hi ri rì, ’s na hi u ó, Gheibh an Dùgh’lach mo bhòt. Mac an fhir ’s an robh ’n tàlann, ’S nach biodh foilleil ’n a nàdur, ’S mi gu ’n earbadh mo chàs ris; Thug e bàrr aig a’ mhòd. Tha mo rùns’ air an fhiùran, ’S e ro-uasal ’n a ghiùlan, ’S iomadh gin tha toirt cliù dhuit, Toirt na h-ionnsuidh cho òg. Tha thu coibhneil ’nad nàdur, Ann ad chom chan ’eil fàillinn, Is tu shiol nam fear làidir Rachadh dàna ’s an tòir. Bho ’n a chaidh thu troimh ’n dùthaich A thoirt foillseachadh ùr dhuinn, ’S iomadh aon nach robh dùil ris A thionndaidh a chòt! Muinntir Sheistico, ’s Mhàbou, Agus Shiudaic ag ràitinn Gur ann dileas do ’n àrmunn Bhios an àireamh as mò. Tha na Frangaich air tionndadh O’n dh’ fhosgail an sùilean, Bidh iad leinn, ’s chan ’eil cùram Nach bi chùis mar is còir. [TD 55] Bidh fir Hogama chaomh leis, Bidh an Leig air gach taobh leis, Bidh Marg’ri leis, ’s chan fhaoin sud, Aite gaolach nam bò. Bidh gach meinneadair guail leis, Bidh gach aon tha mu ’n cuairt leis, Bidh iad deas agus tuath leis, Na tuathanaich chòir. Bidh na boirionnaich dìleas Anns gach àit aig am bi iad, Ma’ ri gruagaichean rìomhach, Tri mil’ agus còrr! Theid a’ chrois air a’ phaipear Mu choinneamh sinm Isaac; ’S mi tha cinnteach nach caill sinn Daoine daimheil Ghlencò. Latha daingneachadh cùise Bidh sin aighearrach, sunndach, ’S ceol na pioba cur sùrd oirnn Seachad lùban Strathlòrn. Ma gheibh sinn ar dùrachd, ’S gu ’n teid esan do ’n lùchairt, Cha ruig gnothach na dùthcha Leas cùram chur òirnn. [TD 56] A’ BHANAIS CHRIDHEIL. Moch Di-luain ’s ann, o hì Rinn sibh gluasad, ho rò, Ogh’ chan Ruairidh, o hì, Dol air cuairt gus bhith pòsd’. Falbh o ’n Eipheit, o hì, Gu robh bréid geal, ho rò, Eich ’n an éideadh, o hì, ’S iad ’nan leum aig fir òg.’ Sios am Bràighe, o hì, Bha i gàbhaidh, ho rò, Bha Clann Phàrlain, o hì, ’S fear no dhà dhiubh mu’n stòr. Losgadh fùdair, o hì, Móran smùide, ho rò, Fir fo chùram, o hì, ’S eich a’ Chùil ri rud mòr. Leum gu ’n iarraidh, o hì, Air a fiaradh, ho rò, ’S math, a chiallain, o hì, Gu ’n robh srianan air dòigh. Fhuair iad sàbhailt’, o hì, As a’ ghàbhadh, ho rò; Mar bha ’n dàn daibh, o hì, Thill a’ chàraid, ’s iad pòsd’. Chruinnich càirdean, o hì, As gach àite, ho rò, Toirt an làmh dhaibh, o hì, H-uile gràs bhith ’n an còir. ’M beul na h-oidhche, o hì, Las iad coinnlean, ho rò, Shuidh iad loinneil, o hì, Ann an coibhneas ro-mhòr. [TD 57] Dhanns iad sùrdail, o hì, Air an ùrlar, ho rò, Chite brùchdadh, o hì, Troimh gach gnùis, fallus mòr! Ceol ro-uallach, o hì, Teudan cruadhach, ho rò, Bioran luaineach, o hì, ’S Aonghas Ruadh air a dhòigh. Bha gach seud ac’, o hì, A bha feumail, ho rò, Rogha feudsa, o hì, ’S an stuth éibhinn air bòrd. Chluinnte gleòsgan, o hì, Aig gach seann duin’, ho rò, Sùgh an eorna, o hì, Dol ’nan ceann, mar bu nòs. [TD 58] SAIGHDEARAN CHEAP BREATUINN. LE CALUM MAC GILL-IOSA. ’S iad mo rùin, na gillean gasda, Chaidh air astar uainn thar sàile, Cha bhi dùil ri aon diubh thilleadh Gus an iomain iad na Germans. Cha bhi dùil ri aon diubh thilleadh Gus an iomain iad na Germans, Gillean eireachdail Cheap Breatuinn Dol a chleasachd ris an nàmhaid. Gillean eireachdail Cheap Breatuinn Dol a chleasachd ris an nàmhaid, Gu ’n robh pìob ’g a seinn is druma Togail mulaid, leigeil gàire. Gu ’n robh pìob ’g a seinn is druma, Togail mulaid, leigeil gàire, Chan ’eil oidhche, chan ’eil maduinn, Nach ’eil acain air na dh’ fhàg iad. Chan ’eil oidhche, chan ’eil maduinn, Nach ’eil acain air na dh’ fhàg iad, Nollaig mhór a’ teannadh dlùth oirnn, Chan ’eil sunnd orm mar a b’ àbhaist. Nollaig mhór a’ teannadh dlùth oirnn, Chan ’eil sunnd orm mar a b’ àbhaist, Agus oidhche na Bliadhn’ Uire— Clann mo rùin, cha bhi iad làimh ruinn. Agus oidhche na Bliadhn’ Uire, Clann mo rùin, cha bhi iad làimh ruinn, ’S mór an ionndrainn thar an dùnain Na fir shùnndach, mhùirneach, bhàidheil. [TD 59] ’S mór an ionndrainn thar an dùnain Na fir shùnndach, mhùirneach, bhàidheil A bhith ’n diugh taobh thall nan cuantan Cur na ruaig air sluagh gun àireamh. A bhith ’n diugh thaobh thall nan cuantan Cur na ruaig air sluagh gun àireamh; Anns a’ mhaduinn, ’n ám dhomh dùsgadh, Bidh mi tùrsach agus cràiteach. Anns a’ mhaduinn, ’n ám dhomh dùsgadh, Bidh mi tùrsach agus cràiteach, ’S trom an sac th’ air mo chùlaibh, ’S culaidh chùraim dhomh gu bràth e. ’S trom an sac th’ air mo chùlaibh, ’S culaidh chùraim dhomh gu bràth e, Och nan och, gu bheil sinn deurach O ’n là b’ fheudar duibh ar fàgail! CAILIN A’ BHRAIGHE. LE CALUM MAC GILL-IOSA. ’N ám dhomh dùsgadh air maduinn Ghrianach, chùbhraidh, gheal, thaitneach gu leòir, Agus brata geal ghriogag Air a sgaoileadh gu mìn feadh an fheòir; Bha na h-eoin air na geugan Mu choinneamh a chéile ri ceòl, Agus cailin a’ Bhràighe A’ seinn luinneagan àluinn le treòir. Gu ’n do dh’ éisd mi le fìrinn Ris a’ cheol a bha direadh gu m’ chluais; Dh’ éirich m’ aigne o mhìghean, ’S dh’ aom mo smaointinnean cianalais bhuam; Ceòl nan teudan cha b’ fhiu leam No na ribheidean ciùil a chur suas, Laimh ri òran na cailin A chuala mis’ anns a’ mhaduinn Di-luain. [TD 60] Chailin donn as glain’ nàdur, Chuirinn furan is fàilt’ ort gach uair; Gu bheil coibhneas is firinn Na maighdinne sgriobht’ ann ad ghruaidh; Tha do shealltainn ag innseadh Nach ’eil foill ann ad inntinn do ’n t-sluagh, Ach gu furanach, fàilteach, Cridheil, ceanalta, càirdeil, gun ghruaim. Troigh aotrom, glé uallach, Nach dean dealta a ghluasad de ’n fhiar; Ceum cinnteach ’s gach uair aig A’ chailin dol uasal ri gniomh; Làmh na banaraich bhuaile Dol a bhleoghan cruidh guaillfhionn air sliabh; Cridhe fialaidh na stuamachd, Sud an t-ionnsachadh fhuair thu o riamh. Tha do phearsa deas, bòidheach, ’S math thig dreas ort an ordugh as ùir’; ’S ge b’ e fear ni do bhuannachd, Gheibh e móran de ’n uaisl’, tha mi ’n dùil. Tha thu measail ’s gach àite ’N d’ fhuaradh eolas air àilleachd do ghnùis, ’S nuair a chruinnicheas an òigridh Có bu mhiannach leo còmh’ riu ach thù. Chaidh do thogail is t’àrach ’N tus t’ òig’ anns a’ Bhràighe so fhéin— Gu toil-inntinn is mànran, Chan ’eil a leithid a dh’ àite fo ’n ghréin— Far an lionmhor do chàirdean, Na fir thogarrach, làmharra, threun’, ’S ged tha roinn dhiubh air fhàgail Gheibhear fiùrain nach tàire ’nan déidh. Tha thu ’n chinneadh nach strìochdadh Ann an cruadal no gnìomh dheanadh feum, Fir nach togadh dad mìothlachd Ach a chuireadh grad sìos i gu treun; ’S mór an t-ainm a bha riamh dhiubh Anns gach àite ’s am fiacht’ iad an streup— Daoine furanach, fialaidh, Bh’ air gach taobh as na fhriamhaich thu fhéin. [TD 61] AN TE RUADH ’S AM BODACH. LE CALUM MAC GILL-IOSA. Séist— Thug mi gaol, móran gaoil, Thug mi gaol agus gràdh; ’S mur a faigh mi an te ruadh, O, cha dual dhomh bhith slàn. Tha mi ’n dùil, a chailin òg, Nach ’eil dòigh dhomh bhith slàn, Mur a toir thu gealladh dhòmhsa Mo phòsadh gun dàil. Tha do chùl air dhath an òir, ’S e ’n deagh dhòigh o do làimh, Bachlach, maiseach, sios ’na dhuail Mu do ghuaillibh a’ snàmh. Tha do cheum ro-aotrom leam, Fanaidh ’n driùchd fo do shàil; Tha thu shiol nan daoine beo Ghleidheadh geall air leum àrd. ’S e cho math ’s a ni thu ’n t-ìm Thoilich m’ inntinn-sa tràth; ’S ma gheibh mi thu fhéin ’s a’ chuach, Bidh mo shuaimhneas ro-làn. Ged thug mise leam Mac Nèill, ’S ann gus m’ inntinn chur cearr; ’S eagal leam gu ’n toir e bhuam An te ruadh, ’s mise “làn.” Ma chluinneas na bàird mu ’n t-strì, Ni iad cinnteach dhomh dàn Airsidh S. to H. M. G., Donald D. ’s Aonghas Bàn. [TD 62] Cha ghabh mis bodach liath, Chan ’eil rian agam dhà; Ged a bhiodh a chrodh air éis, O, chan éirich e tràth. Falbh, a bhodaich, ’s fuirich thall, ’S na bi ’n geall air mo làimh; ’S mór gu’m b’ fhearr leam òigear ciùin Rachadh liumsa gu bàil. Ged a bhiodh do chrodhs’ air dòigh Leis gach seòrsa de bhàrr, ’S dorra dhut gu bheil do cheann Cromadh teann air an làr. Ged a rachadh tu leam fhéin Latha féille tromh ’n t-sràid, Fear bhios crùbaiche ’n a cheum, Cha bhi spéis agam dhà. Còmh’ ri bodach a bhios breòit’, ’S dona seòl a ni gràdh; ’S mór gu ’m b’ fhearr a bhith ’s a’ Chùl Anns an dlùth choill’ a’ tàmh. Cha bhi ànradh anns a’ Chùl Ged thig dùldachd ann tràth; B’ fhearr leam sin na dust a’ ghuail, ’S fideag chruaidh shéideas tràth. [TD 63] Orain Le Domhnall MacPharlain [TD 64] BANAIS A’ CHAMUIS. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Gu ’m bu slàn do ’n chomunn ghrinn, ’S an tigh mhùirneach a bha cruinn; Sud an sgeula bu toigh leinn A bhith cluinntinn iad bhith fallain. ’S ann an Màbou mhór sin shuas Thainig còmhlan grinn a nuas, Sliochd nan daoine dh’ am bu dual A bhith tuathanachas fearainn. Cha robh uaireasbhuidh orr’ riamh Anns gach tir dh’ an d’ rinn iad triall, B’ e bhith aighearach am miann, ’S a bhith fialaidh ri fear aineoil. Fhuair iad còir bhios buan, ’s nach tréig, Air an òigh as ciùine beus, Meur de’n chraoibh a dh’ fhàs gun bheud, ’S a bha spéiseil anns a’ Chamus. Cuireadh fialaidh chaidh mu ’n cuairt Dh’ an do fhreagair sinn gu luath, A bhith cruinn air oidhche Luain Ged bhiodh fuachd ann agus frasan. Chruinnich càirdean bho gach sgìr Eadar Màbou ’s Margairì; Bha gach cùis an òrdugh grinn, ’S bha toil-inntinn ann gun ghainne. Chruinnich gillean fearail, òg, A bha rianail anns gach seòl, Cha robh misgearachd ’nan còir— Sud na h-òganaich bha ceanalt’. [TD 65] Chruinnich nionagan gun mheang, Ann an riomhadh nach robh ’n taing, Cridheil, còmhraideach bha ’n cainnt, ’S cha robh mealltaireachd ’nan gealladh. Chaidh an t-suipear chur gu dòigh Leis na mnathan fialaidh, còir— Gu ’n robh pailteas air a’ bhòrd De na seòrsachan bu mhath leinn. Nuair a chualas fuaim nan teud, Ghluais ar n-inntinnean d’ a réir, Chaidh an t-ùrlar chur gu feum— Righ, gu ’m b’éibhinn leam a’ chaithream. Fhuair sinn aighear, fhuair sinn ceòl, Fhuair sinn àbhachd de gach seòrs’, Bha gach ni ann mar bu chòir, ’S mar a dh’ òrdaichinn air banais. Chaidh an oidhche chur mu ’n cuairt Leis gach aoidhealachd bu dual; Bha gach aon againn fo ghruaim Nuair a chualas gu’m b’ e lath’ e! Saoghal buan do ’n chàraid ghrinn Ghluais air thùs na cuideachd leinn, ’S mór an toileachadh e dhuinn A bhith cuimhneachadh ur banais. [TD 66] MARGAIRI. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— ’M falbh thu leamsa fad’ air astar? ’M falbh thu leams’, a ghràidh mo chrìdh’? ’M falbh thu leams’, a ribhinn shuairce Null thar chuan gu Margairì? Chi thu abhainn mhór ’n a deann-ruith Bho Loch Ainslidh troimh na glinn, ’S bailtean aoibheil air gach taobh dhi ’G altruim dhaoine faoilidh, grinn. Gheibhear bradan anns gach linne Leis na gillean nach ’eil clì, Iasg as aille thig bho ’n t-sàile, ’S miadh ro-àrd air anns gach tìr. Chi thu tearnadh le na bruachan An crodh guaill-fhionn bho na glìnn, Agus grugaichean ’g an cuallach, Gabhail dhuanag, o cho bìnn. Gheibhear bainne blàth na buaile Dheanadh buan an duine tìnn, ’S gainne ime, càis’, no uachdair, O cha chualas ann ri m’ lìnn. Fàsaidh graiseach de gach seòrs’ ann, Coirc’ is eòrn’ air bheagan strì, Cruinneachd àluinn, is buntàta, ’S cha bhi fàillinn oirnn no dìth. Gheibhear measan ann as t-samhradh, Sud an t-annlan ’s am bheil brìgh, Iomadh seòrs’ air feadh nan gleann diubh, ’S chan ’eil cainnt agam gu ’n ìnns’. [TD 67] Cluinnear eòin a’ seinn air gheugaibh, Ag cur éibhneis anns gach crìdh’, Pailteas fhlùran air gach taobh ann, Sgaoileadh tùis bhios cùbhraidh leinn. Chi thu uaislean as gach rìoghachd Gabhail ìoghnaidh feadh na tìr, Cuid ag iasgach nam breac ballabhreac, ’S cuid a’ sealgaireachd nam frìth. Fhreagair i am briathran ceutach, “Chan ’eil reusan tuilleadh inns’, Creididh mi na thu thu ’s ràitinn, ’S ni mi tàmhachd am Marg’rì.” [TD 68] ATH-SHEALLADH. LATHA NA BLIADHN’ UIRE, 1927. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Tha Bliadhn’ Ur a nis air tighinn, ’S gur a mithich dhuinne dùsgadh Agus meòrachadh car tacain, Ciamar chaith sinn ar cuid ùine; Ré na bliadhna th’ air dol seachad, ’N robh ar cleachdainean ’s ar giùlain Criosdail, carthannach an còmhnuidh, A’ toirt sòlais do ar Cruithear? ’N robh sinn dileas do ar n-uachd’ rain, No cur suarach an cuid riaghlaidh? ’N robh ainn uaibhreach, borb ’n ar nàdur, ’S a toirt sàrachadh do ’r n-iochdrain? ’N robh sinn cuimhneach mu ar dleasnas, Cuibhte ’s leisg is daonnan strìochdte Do gach trioblaid agus ànradh Bha toirt tàir duinn feadh na bliadhna? ’N robh sinn faicleach mu ar briathran, No cur sios gu tric air cacha? ’N robh sinn frionasach, gun fhaigh’dinn, ’S air bheag coibhneis ri ar nàbuidh? Nuair bha e trom fo éislean No an éiginn le cion slàinte, ’N d’ rinn ainn dìochuimhn’ air na facail, “Biadh do ’n acrach, ’s deoch do ’n phàiteach”? ’N robh sinn measarra an còmhnuidh Air a’ bhòrd an tigh na feusda: ’N tug sinn gaol do mhac-na-braiche, No ’n do sheachainn sinn a’ bhéist ud? [TD 69] ’N tug sinn faireachadh do ’n òigridh ’N liuthad dòigh ’s an dean e beud orr’, ’S mar a leagas e ’nan sìneadh Iad ’s an dìg gun chomas éirigh? Fearg is diumb, an d’ rinn sinn altrum, No ’n do smachdaich sinn air tùs iad? Nuair a dh’ iarr ar nàmhaid réite, ’N robh sinn reusanta no dùr ris? ’N robh sinn cleachdte ris an fhìrinn Bhith ’g a h-innseadh mar is cùbhaidh, Ann am briathran ciùine, socrach, Saor o bhrosgal agus cùlchainnt? ’N robh sinn math gu deanamh ùrnuigh Ri ar Cruithear, moch is anmoch? No an robh sinn mar bu trice As ar gliocas fhéin ag earbsa? ’N tug sinn ionnsaigh air ar fiachan Chumail sios, no ’n d’ rinn sinn dearmad Air a’ chosnaich fhaicinn pàighte Mar is gnàth a réir a’ bhargain? Ghabh sinn sealladh nis le cùram Air an ùine dh’ fhalbh gun fhios duinn, ’S chunnaic sinn gur iomadh àite Rinn sinn àithntean Dhé a bhristeadh. ’S còir duinn nise teachd le dùrachd, ’S ar cuid ùine chaith na ’s glice Los nach meataich gairm a’ bhàis sinn Ge b’ e àit’ no ám an tig e. [TD 70] FIOS-FREAGAIRT MOIRE. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Fhuair mi litir a nuas as a’ Bhràighe ud shuas, Air a dùnadh glan suas, ’s air a céireadh; Lamh-sgrìobhaidh a’ Bhàird air a bathais chiùin, bhàin, Agus, eudail, gu ’n d’ fhàiltich mi fhéin i. Ged bhithinn an càs aig fiabhras an sàs Gu ’m b’ fhearr i na plàsd’ air m’ éislean; ’S le firinn, ’s an ám, gu ’m b’ fhearr dhomh na dram Nuair a chaidh an dà rann a leughadh. Bàt’ Alasdair chòir, dhòmhsa b’ aithne glé òg, ’S tric a sheòl i bho chòrs’ a’ Pheutain, Le sgriobair glan, ùr, bu mhath làmh air an stiùir, ’S a chuid ghillean gu lùthmhor, éibhinn; ’S math a dh’ aithnichinn ì nuair a thòisicheadh strì, I air thoiseach mu mhìle, ’n creutair; ’S i gu cuinnleanach, grinn, dol bharr thonnan ’n a stìll, Cha bhiodh airtneal no sgios ’n a creubhaig. Oran molaidh do Mhòir! tha e dòigheil gu leòr, Gu ’n do lìon e le bòsd ’s le sùnnd mi; Dh’ fhalbh gach trioblaid is bròn, theich gach aiceid is lòin’, Thainig spiorad na h-òig’ as ùr orm. Saoil ’n do thuig mise riamh gu ’n robh mi cho briagh’, No idir cho fiachail, cliùiteach, Gus an d’ innis thu fhéin domh ’n ad litir an dé Barail dhaoin’ air mo bheus ’san dùthaich. Ach ’s e dolaidh rinn thù, tha mi cìnnteach co-dhiubh, Nuair a chuir thu ’g am ionnsuidh ’n t-òran; Thainig mòrchuis ’nam cheann, biodh mi tàireil ’s gach ám, ’S cha taobh mi ach gann Mac Dhòmhnaill. Gur e thogas mo shùil nise baran no diùc Do ’m bi fearann is maoin an òrdugh; Plenty money, you know, on excursions to go, Nuair bhios cach ’s iad at home gu brònach. [TD 71] Soraidh leat, fhir mo ghràidh, gu ’m bu fad’ thusa slàn Agus pailteas de bhàrr mu ’n cuairt ort; Gu ’n robh fiodhull nan teud agad daonnan air ghleus, Agus piob nan dos réidh mu d’ ghuaillibh. Mu ’n tig a’ Bhliadhn’ Ur, theid mise for sure, A dh’ éisdeachd do chiùil is dhuanag; ’S gu ’n danns sinn na “Flùrs” le mireag gu ’n cùl, ’S chi thu daiseachan ùr ’s an uair sin. (Air-son “Moladh Moire” faic taobh-duilleig, page 17) [TD 72] AN NIGHEAN BHEAG AIG MA. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Ho ro nighean bheag mo rùin, Nighean bheag a th’ air mo ghlùin; Ho ro nighean bheag mo rùin, Mo dhùrachd thu bhith sona dheth. Riamh o ’n chunnaic mi do ghnùis Gu ’n do atharraich mo chùrs’; Thainig neart chugam as ùr, ’S gu ’n caith mi ’n ùine toilichte. Ged a bha na gillean ann— Seumas, Dòmhnall, Calum, Eòin, Gus an d’ thàinig thu ’nan ceann Gu ’n robh mi, Sheònaid, dorranach. Ni na gillean iomadh fuaim Feadh an tighe dol mu ’n cuairt, Ach bidh tusa, chiall ’s a luaidh, Gu coibhneil, suairce, conaltrach. Ged a bhithinn fann no sgìth, Bheir e togail air mo chrìdh’ Nuair a gheibh mi thusa strìth Ri deannamh nì air choireigin. Ni thu còcaireachd gu réidh, Ni thu bonnach beag dhuit fhéin, Anns a’ phinnt gu ’n dean thu feusd Gu seolta, gleusda, corragach. Bidh do phoca luma-làn, Leis gach ni a gheibh do làmh— Stiallan buidhe, gorm, is bàn, Gu ’m bi e sgàint’ le ’n coireachdain. [TD 73] Cha bhi putan dubh no dearg, Cha bhi griogag mhin no gharbh, Oisinn sgàthain, pios do dhealbh, Nach bi thu sealg gu cothromach. Bidh am meuran tric ad dhòrn, Siosar beag, gur leat air chòir, ’N t-snathad bheag ’s an t-snathad mhòr, Gheibh thu an còmhnuidh cothrom orr’. Gur a toigh leat frogan ùr, Prine-broillich, is cir-chùil, Brogan riomhach as a’ bhùth, ’S gur coingeis thù de chosgas iad. Theid am falt a chireadh suas Anns gach fasan thig mu ’n cuairt ’N dé gu h-àrd, an diugh mu ’n chluais, Is bioran cruaidh is drochuair ann. An dara uair ag cumail stòir, Far am bi gach seud as bòidhch’, Baintighearnan le sìod’ is sròl, Is iomadh seòrsa crocaraidh. Chan ’eil piatan, cù no cat, Isean, laoighean nach ’eil leat, ’S ma theid aon dhiubh a chur as Bith bualadh bhas is dorran ann. [TD 74] ORAN DO ’N PHAIPEIR GHAIDHLIG, “MAC-TALLA.” LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. So dhut dollar, fhir mo chridhe, Tha e dligheach dhuit ’s an ám; ’S gu ’m bu fada beò a’ Ghàidhlig Anns gach cearna, bhos is thall. Buaidh is piseach air Mac-Talla: Miann gach caraid e bhith ann, Gu bhith seinn na Gàidhlig luachmhor Mar bu dual do Shiol nam Beann. Gu bhith seinn na Gàidhlig aosda Bh’ aig na daoine fearail, treun A chaidh àrach feadh nan garbh chrioch ’S gu ’m bu dealbhach i bho ’m beul. Bha i ’n cleachdadh, ’s gu ’m bu bhlasd’ i Aig na gaisgich bha ’s an Fhéinn; ’S a réir seanachais, anns a’ Gharadh Gu ’m bu chànain i do dh’ Eubh! Air feadh dùthchannan Roinn Eorpa Bha i eòlach ann bho chian; ’S mu ’n deach Caesar null do Bhreatunn Bha i ’n cleachdadh aig gach triath; ’S nuair a rinn na Gàidheil gluasad Thar a’ chuain gu tigh’nn an Iar Thug iad leo an cànain prìseil Bha mar dhìleab aca riamh. Tha fir fhòghluimte ag ìnnseadh (Léinn gur firinn e, ’s cha bhreug) Gu bheil stòras innt’ an tasgaidh, Agus pailteas dhe nach tréig; Nach ’eil i an taing, no ’n eismeil Cainnt na h-Eadailt, no na Gréig, Cainnt na Frainge no na Gearmailt— Tha i earbsach aisde fhéin. [TD 75] Tha i finealta, gun éislean; Tha i spéiseil ciùin, gun mheang; Miann gach rìbhinn i, ’s chan ìoghnadh, Labhras sìobhalta, gun sgraing. Thug na giomanaich i ’n roghainn Ann am faoghaid nan damh seang; ’S nuair a dh’ éireas fearg no tuasaid Gur i bhuanaicheas gun taing. Tha i deas gu dol a sheanachas, Modhail, earbsach anns gach cùis; Tha i beurra, fallain, fuasgailt’, ’S tric a bhuannaich i ’s a’ chùirt. Stiùradh luinge ri là stoirmeil, Bha i ainmeil air bho thùs, Soilleir, làidir, deas, gun fhàillinn, ’N am bhith bàirlinneachadh criù. ’S beag an t-ìoghnadh sinn bhith ’n cliù oirr’, Gur h-i dh’ ionnsaich sinn ’n ar cloinn, ’S có nach tugadh meas is gràdh dhi, Rinn ar màthair a toirt dhuinn. A chainnt liobharra, ghlan, uasal, Gu bheil buaidh ort agus loinn, ’S có a leigeadh tu air dìochuimhn’ Ach an sìachaire gun sgoinn. A chainnt ullamh, ealamh, iasgaidh, ’N ám a dh’ iarrrar thu gu feum; A chainnt iomraiteach, gun mhòrchuis, Mhilis, òranach, ghlan, réidh; A chainnt fhuranach, gun fhàillinn, Thug mi gràdh dhut agus spéis; Gu ’m bu fada beò ’s gach tìr thu Agus mìltean ort an déidh. [TD 76] CUMHA. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Hù a hó, tha mi fo leann-dubh, Hoirionn hó, ’s mi trom gu dìreadh, Hù a hó, tha mi fo leann-dubh. Marbhphaisg ort, a Bhàis gun tròcair’, ’S tu dh’ fhàg brònach mi is diblidh. Tha mo chridhe briste, brùite, ’S tric bho m’ shùil na deòir a’ ruidhleadh. Cumha pheathraichean is bhràithrean, Sin an dràsda fàth mo mhìghean. Dh’ aindeoin gleadhraich mhór an t-saoghail Tha sibh daonnan ann am ìnntinn. Nis cha chluinnear anns an fhàrdaich Mar a b’ àbhaist ceòl na fìdhle. Gu ’n do fhroiseadh dreach a’ ghàrraidh, Far am b’ àbhaist flùrs bhith cìnntinn. ’Leasbuig donn an leadain dualaich, ’S e bu luaithe chaidh ’s a’ chìll dhiubh. Bha e modhail, fearail, dealbhach, Cha robh fearg no cearb ri ìnns’ air. Mu ’n do ruith ach beagan mhìosan, Bàs Catrìona rinn ar cìobadh. Dh’ fhàg i companach fo bhròn dhe, ’S pàisdean òga, bòidheach’, sìobhalt’. [TD 77] Dh’ fhalbh oirnn Alasdair ’na dhéidh sin, Dh’ fhàg e deurach sinn, ’s cha b’ ìoghnadh. Bha e coibhneil, grinn is càirdeil, Inntinn àrd, is nàdur dìreach. Chaidh Iain òg thoirt bhuainn am bliadhna, ’S e dh’ fhàg cianail sinn da-rìreadh. Bha e tùrail, ciùin, neo-phròiseil, Bha e spòrsail, gun dad mìomhoidh. ’N deuchainn dheireannach ri àireamh, Chaochail Màiri bhàidheil, dhìleas. ’S buille thorm e do a céile, ’S tha chlann deurach bho nach tìll i. Tha am màthair tric ’g an caoineadh, Chan e ’n aois a thug fo chìs i. Tha an athair trom fo sprochd dhe, ’S mór an nochd leis na tha dhìth air. Nuair a bha sinn uile còmhla, Righ, bu shòlasach bha m’ ìnntinn. Fhrois gach conaltradh is àbhachd, Bhiodh ’g ar tàladh, is toil-ìnntinn. Cha do smaointich riamh am òige Ciod am bròn a thig ri tìm oirnn. Guidheam sonas anns na h-Ardaibh Aig na càirdean bhith gu dìlinn. Glòir is moladh, cliù gu siorruidh Do an Triath a thug a’ chìs dhinn. [TD 78] TOMBACA IAIN. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Tombaca na smùid a thogadh mo shùnnd, ’S a chuireadh air chùl gach òinnsealachd; Tombaca na smùid a thogadh mo shùnnd. ’N tombaca th’ aig Iain, ’s e léighseadh mo chridhe Nuair rachadh fo ’m chiobail-sa gòmag dhe. Chan fhaighinn cho blasda an diugh air a’ mharcaid, Gu leigheas gach aiceid, ’s e ’m boy e. A phronnadh gu min, ’s a chàradh ’s a’ phìob, Gur àluinn leam fhìn an ceò thig as. Ged bhiodhte ’g am thachdadh le tùchadh is casdaich Gu’n léighiseadh blast de mo sgòrnansa. Gun smog dhe ’s a’ mhaduinn, ’s ám éirigh á leabaidh, Gu deimhinn chan fhaicear na brògan leam. Gu ’n caill mi mo fhradharc, mo thuigse ’s mo mheomhair Mur bi e ri fhaighinn ’s na stòraichean. Gur truagh bhios a’ chlann ’s an té tha ’nan ceann, ’S nach gabh anns an ám sin còrdadh rium. Nuair lionainn T. D. gu dòigheil dhomh fhìn Cha bhitheadh an Righ cho sòlasach. Chan fhairich mi sgìos, ’s cha ghearain mi nì, Ma thachras pìos bhith ’m phòca dhe. ’S ann theid mi gu luath am baile mu ’n cuairt Gu h-ioraltach, duanach, òranach. Na cailleachan as glice, gu bheil iad am meas air, ’S gur toigh leotha pinch ’nan srònan dhe. Gur suarach an ni luchd-riaghlaidh na tìr Bhith maoidheadh air cìs a dhòrtadh air. (Air-son Freagairt do dh’ Oran an Tombaca faic taobh-duilleig, page 131). [TD 79] FREAGAIRT DO LITIR FLORAIDH. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Fhuair sinn litir bho Nic Iosaig Thug toil-inntinn mhór gu léir dhuinn, Air a sgriobhadh ann an Gàidhlig, Leinn is àluinn bhith ’g a leughadh; Ged a bhitheamaid fo phràmh dhe, Air bheag càil an diugh gu éirigh, Dh’ fhóghnadh sealltainn air an litir, ’S ann an tiotadh bhith’maid gleusda. Gur a duilich leam a ràitinn Gu bheil Gàidheil ann tha tréigsinn— Cainnt am màthar, O mo nàire! C’ àit an tàrr iad as bho ’r léirsinn? Cha bhi faighneachd orr’ an Comunn, No an coinneamh air là féille, Cha bhi déidh orr’ aig na h-uaislean, ’S measg na tuath chan fhaighear feum daibh. Cha bhuin Flòraidh do an t-sluagh sin Tha cur suarach cainnt an sìnnsear; ’S ann tha ise de an bhuidhinn Tha ’ga bruidhinn is ’ga sgrìobhadh, Leis an toil a bhith ’g a leughadh, A’ chainnt bheusach, cheutach, rìoghail, Cainnt nan sgeulachdan ’s nan òran, Thogas bròn ’s a dh’ fhògras mìghean. ’S mór an call do ’n Chomunn Ghàidhlig Thu bhi ’n dràsda fad’ air falbh bhuainn Tha do dhùrachd dhuinn mar b’ àbhaist, Gur a tràth a rinn thu dhearbhadh; Chuir thu cuideachadh d’ ar n-ionnsaigh Chumas cuimhne fad’ air t’ ainm-sa; Móran taing dhut bho an Chomunn, Chuir thu comaine gu dearbh orr’. [TD 80] CUMHA MAR GU ’M B’ ANN LE MATHAIR. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Och mo chreach is mo léireadh, Gur ann agam tha sgeul an dubh bhròin, Is gach aon ni rium éisdeachd, Dhaibh gu ’n innis mi reusan mo dheòir; Chuir mi Màiri dhonn, cheutach, Ann an ciste ’s an léine fo ’n fhòd, Dh’ fhàg sin aiceid ’n am chré-sa, Is cha dean i mo thréigsinn ri m’ bheò. Bho’n a chunnaic mi òg thu, Cha robh lochd ann ad chòir-sa ri ìnns’; Bha thu sìobhalt’ ad chòmhradh, Bha thu iriosal, seòlt’ anns gach nì; Bha thu faighidneach, bàidheil, Cha robh àrdan no tàir riut a’ strì; Dh’ aindeoin miobhaigh is ànraidh, Gu ’m biodh tlachd ortsa, Mhàiri, is sìth. Ann an toiseach do làithean, Nuair a bha thu ’n ad phàisde glé òg, Rinn thu cuideachadh tràth leam, Thug sin misneach is càil dhomh na ’s leòir; Bhiodh tu daonnan ri m’ ghuallain, Ort chan fhacas riamh gruaman no sgleò, Ach gu furanach, guanach, Ciuin, aighearrach, uasal, gun bhòsd. Bha thu iasgaidh, lan cùraim, Bhiodh do làmhsa ri tùrn ’s am biodh feum; Bha thu ionnsaichte, tùrail, Dol ri gniomh gu’m bu shùnndach do cheum; [TD 81] Bidh mi nise ’g ad ionndrainn, Bho mo shùil gur a siùbhlach an deur; Cha tog aighear no ionmhas, Cha tog idir fuaim ciùil mi gu gleus. Deanamh grinneis le snàthaid Air aodaichean àluinn o ’n bhùth, Gu ’m bu tearc iad ri ’n àireamh Na bheireadh ort barr, tha mi ’n dùil; Feadh an tighe ’s gach àite, Chi mi obair do làimhe gu dlùth, Bheir am chuimhne gun tàmh thu, ’S a dh’ fhàgas mi cràiteach, gun sùnnd. Bha thu iochdmhor, làn càirdeis, Bha thu measail ’s gach àite mu ’n cuairt; Leat bu mhiann a bhith bàidheil Ris gach aon a bhiodh ànrach no truagh; Bha thu beannaicht’ ad nàdur, Cha robh gearain no càineadh riut fuaight’, O, cha b’ aithne dhomh t’fhàillinn Fhad’ ’s a bha thu an làthair an t-sluaigh. Gu bheil t’athair glé dheurach, ’S beag ioghnadh a cheum a bhith mall, Anns a’ chill taobh a chéile, Gu bheil siathnar dhe ’n treud, is b’ e ’n call; Tha do pheathraichean brònach, Agus d’ aon bhràthair òg anns an ám, Iad a nise ’nan ònrachd A’ sior chuimhneach’ an còmhnuidh na bh’ ann. ’S mór an ionndrainn a th’ oirrne Bho ’n a dh’ fhalbh iad Di-dòmhnaich do ’n chill, Le mo Mhàiri dhonn bhòidheach, Ise chaoidh ris a’ chòmhlan cha tìll; Ach bho’n ’s fheudar dhuinn striochdadh Do ’n Ti sinn tha riaghladh gach nì, Guidheam sonas gu siorruidh A bhith agad bho sgiath an Ard Rìgh. [TD 82] LUADH CHALUIM. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Ho ro gu ’n togainn air hugan fhathast. Cuireadh mór Di-luain a fhuair sinn Dhol gu luadh a dh’ àite Chaluim. Nionagan is gillean òg ann, ’S daoine pòsda le ’n cuid mhnathan. Nuair a shuidh iad aig a’ chléithe, O gu ’m b’ éibhinn leam a’ chaithream. Clóth ’g a shadadh is ’g a shuaineadh, ’S dol mu ’n cuairt gu luath aig lamhan. Cumail tim ri òrain Ghàidhlig Sheinn na bàird an Tìr nam Beannaibh. Sheinn iad òrain na cleith-luaidhe, ’S chluinnt’ am fuaim ceann shuas a’ bhaile. Slàn gu ’n robh na mnathan còire Chuir a’ chlòimh gu dòigh cho ealamh. Peigi Eòghain, ’s Peigi Dhùghaill, Chuir iad sùrd air null mu Shamhain. Gur a miadhail bhios an t-aodach Am nam faoilleach is na gaillinn. Cha bhi cnatan, cha bhi lòinidh Air an òigridh bhios ’g a chaitheamh. ’S fhad’ bhios cuimhne ’s an taobh tuath so Air an luadh bha ’n àite Chaluim. Sud a’ chuideachd a bha ciatach, ’S có nach miannaicheadh bhith ma’ riu! [TD 83] ORAN DO CHAILEIG BHIG. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Dean Cadalan Samhach. Tha Casaidh ’na rìbhinn Tha fìnealta, suairc’, A gruaidhean mar chaorann, ’S a h-aogasg gun ghruaim; A falt buidhe, sìnte, Gu rìomhach mu cluais; Gur bòidheach a dh’ fhàs i An àilleachd, ’s an snuadh. Nuair sheinneas am fìdhleir Ceol bìnn air an teud Gur aotrom ’san uair sin A ghluaiseas a ceum; Gur seanagarra, còmhnard, Ro-bhòidheach bho beul A sheinneas i ’n t-òran Bheir sòlas dhomh fhéin. Nuair theid i ’n tigh-sgoile Air thoiseach bhios ì; Gu ’n ionnsaich i leughadh, No Beurla gun strì; Ro-eolach, deas, beachdail Mu eachdraidh gach tìr; Neo-leomach a duais Nuair a bhuainicheas ì. Nuair bhios i ’na meudachd Bidh miadh air mo rùn, Gach iosal is uasal Cur suas air a cliu; A nàdur ’s a beusan Gun bheud no gun lùb; ’S a tàlantan ainmeil, Neo-chearbach ’s gach cùis. [TD 84] Ged thigeadh gu pròiseil Gach òigear ’s an tìr A dh’ iarraidh ort eòlais Le seòltachd ro-bhìnn, Cha taobh thusa on diubh Le maoin no le nì, Air aoibhneas as àirde A mhàin tha do chrìdh’. Na maighdeannan-cràbhaidh, Gu ’n tàrr iad thu bhuainn— Sin còmhnuidh as fheàrr leat ’San àite mu ’n cuairt; Bidh sibh daonnan ag ùrnuigh Gu dùrachdach, buan, Toirt urram do ’n t-Slànuigh’r Am Pàrras, tha shuas. [TD 85] OIGHEAN PHADAINEIRIUM. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Faithill ho ro, faithill o. Gur mise tha trom airtnealach ’S a’ mhaduinn an ám éirigh Ag cuimhneachach an còmhnuidh Air òighean Phadaineirium. Ag cuimhneachach an còmhnuidh Air òighean Phadaneirium; Tha m’ inntinn trom is smalanach Bho ’n dhealaich mi an dé riu. Tha m’ inntinn trom is smalanach Bho’n dhealaich mi an dé riu; Gu ’n mheall iad mi le ’n còmhradh, ’S bu dòigheil tigh’nn o ’m beul e. Gu ’n d’ mheall iad mi le ’n còmhradh, ’S bu dòigheil tigh’nn o ’m beul e; Gu ’n d’ lion iad mi le ’n cridhealas, Le ’m mireagaich, ’s le ’n ceutaibh. Gu ’n d’ lion iad mi le ’n cridhealas, Le ’m mireagaich, ’s le ’n ceutaibh; Iad coibhneil, banail, sìobhalta, ’S gur rìomhach leam an éideadh. Iad coibhneil, banail, sìobhalta, ’S gur rìomhach leam an éideadh; Gur aotrom air an ùrlar iad An ám a’ chiùil a ghleusadh. Gur aotrom air an ùrlar iad An ám a’ chiùil a ghleusadh; Gu bheil gach aon ’s a’ chòmhlan A’ tabhairt mòran spéis daibh. [TD 86] Gu bheil gach aon ’s a’ chòmhlan A’ tabhairt mòran spéis daibh; Gilleasbuig agus Iòseph Ro-dheònach a bhith réidh riu. Gilleasbuig agus Iòseph Ro-dheònach a bhith réidh riu; Peadal agus Alasdair, ’S gur aighearrach le chéil’ iad. Peadal agus Alasdair, ’S gur aighearrach le chéil’ iad; Ach bidh mo roghainn agamsa Le barantas o ’n chléir oirr’. Ach bidh mo roghainn agamsa Le barantas o ’n chléir oirr’; ’S cha bhi mi tuilleadh airtnealach ’S a’ mhaduinn an ám éirigh. A’ CHAILIN LUACHMHOR. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Seinn an duan so. Fàth mo smuaintean, hug ì ri hù o, A’ chailin luachmhor, hug ó ro hì, Tha fuireach shuas ud air àird nam bruachan, ’S gur lionmhor uasal a th’ air a tì. Fhuair mi eolas an iomadh àite Ach bean do ghràidh-sa chan fhaca mi; Té do ghluasaid ’s do nàduir shuairce, O! c’ àit an cualas an d’ fhuaradh ì! [TD 87] ’S beag ioghnadh leamsa na tha an déidh ort, ’S na bheil toirt spéis dhut an iomadh dòigh, Tha modhail ionnsaicht’, làn tùir is ciùine, ’S glan, cridheil, sùnndach, mo run geal, òg. Pearsa dhìreach, dheas, chuimir, dhealbhach, Fo shìoda balla-bhreac ’s an fhasan ùr; Ceum aotrom, còmhnard, nach lùb am feòirnean, Is miann gach òigear do shealladh sùl. Tha do bhriathransa blasda, dòigheil, Gun mheang, gun ghòraich, an òrdugh réidh; Do ghuth mar smeòrach a’ seinn ’s an Og-mhios, ’S tu gabhail òrain as bòidhche séist. Ged bha thu cuairt feadh nan Staidean Aonaicht’, Cha t’ thug sin smaointean bha faoin ud cheann, Thu soitheamh, ciallach, ro-chiuin am briathran, Mar chleachd thu riamh mu ’n do thriall thu ann. ’S meur de’n chraoibh thu nach faoidte reubadh, ’S a chinnich glé mhath ’s an dùthaich thall; ’S a’ chuid di bhuannaich taobh bhos nan cuantan, Gu ’n d’ chinn i suas mar bu dualach ann. Chan e dìomhanas chleachd mo rùnsa, Ach snas is cùram le tùr ’g a rian, Ro mhoch gu éirigh, gu dol ri feum thu, ’S gu ’n dearbhainn fhéin nach ’eil éis ad ghniomh. Gur buidh’ do ’n òigear a gheibh do làmhsa, ’S do ’n toir thu gràdh os cionn chàich gu léir, O, biodh e coibhneil, lan tùir is faigh’dinn, Gun ghiomh, gun fhoill ann, ’s ’n a shaighdear treun. ’S ge b’ e àite ’s am bi do chòmhnuidh, Biodh pailteas stòrais is sòlais buan; O, guidheam slàinte dhut fad do làithean, ’S nuair thig am bàs dol gu Pàrras shuas. [TD 88] COMUNN GAIDHLIG INBIR-NIS. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Hoirionn o ho hi ri rì o, Hoirionn o ho ri ri rì o, Hoirionn o ho hi ri ù o, Có nach ionnsaich a’ Ghàidhlig. Thainig naidheachd an dé oirnn, ’S gur a taitneach an sgeul i, Comunn Gàidhlig air éigheach Aig fir ghleusda ’s an àit so. Inbhir-Nis nam fear treubhach Chuir an toiseach mu dhéidhinn; ’S mór an onair daibh fhéin e Bhith cho spéiseil mu ’n cànain. Nuair a chruinnicheas an còmhlan, Fir, is mnathan, is òigridh, Cuirear mighean air fògradh Le ’n cuid òran math Gàidhlig. Cluinnear ceòl air a’ phìob ann, Cluinnear gleusadh air fìdhlean, Cluinnear meòirean nan nìonag Ag cluich binn air piàno. Gheibh sinn eòlas bhios cìnnteach Mu eachdraidh ar sìnnsear Is mu ’n chainnt sin bha prìseil Am measg rìghrean is bhàrdaibh. Gheibh sinn sgeulachdan éibhinn Mu laochraidh na Féinne, ’S iomadh gaisgeach glan, ceutach Rinn euchdan ’s na blàraibh [TD 89] A’ chainnt urramach, aosda, Có nach deanadh rith’ faoilte; Aig ar màthraichean gaolach Bhiodh i daonnan ’g ar tàladh. A’ chainnt bhlasda, ghlan, uasal, A’ chainnt bheairteach, gun truailleadh, A’ chainnt smachdail an cruaidh-chas, Cumaibh suas i gu bràtha. CUMHA do BHEAN IOSEIPH MHIC DHUGHAILL a chaochail am Margairi anns a’ bhliadhna 1890, mar gu ’n deanadh a companach e. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Eirinn gu bràth. O ’s truagh mar a thà mi air m’ fhàgail ’n am ònrachd, Mo chridh’ air a leònadh ro-mhòr anns an ám; Gu ’n d’ fhalbh a’ bhean bheusach, mo chéile glan, bòidheach ’S e fàgail fo ’n fhòid a thog bròn domh nach gann. Gur cianail mo smaointean, chan fhaod mi bhith gleusda; Cha dean mi car dòigheil, air fògradh chaidh m’ éibhneas; Tha m’ inntinn ro-chràiteach, is sgàil air mo reusan; Ochòin, fath mo dheuran, gur léir dhomh mo chall. Nuair fhuair mi air làimh thu bha m’ inntinn lan sòlais, Bha maise na h-òige glé bhòidheach ad ghruaidh; Do lochd, cha bu léir domh, ’s bha mi ann an dòchas Nach tigeadh an tòireachd cho òg ort bho ’n uaigh. Mar bhàta gun chombaist, gun stiùir, no gun aodach, Am mach feadh a’ chuain ghlais le stoirm air a saodach’, An duirchead na h-oidhche air roinn nan tonn craosach, Tha mise cho faoin sin as t’aonais ’san uairs’. [TD 90] Bha thu deas, direach, dealbhach, gun chearb dh’ fhaoidte luaidh riut, Do chùl buidhe, cuachach ’na dhualan mu ’n chir; Do shlios mar an fhaoileann a thaobhas na stuadhan, Bha t’iomhaidh is t’uaisle toirt buaidh anns an tir. Do nàdur bu réidh leam ’s do bheusan bu loinneil; Bha t’inntinn gun àrdan, glan, àillidh mar dhaoimean; Do làmh bha ro-fhialaidh, ’s do bhriathran gun fhoill annt’; Mar sgàthan a’ soillseachadh coibhneas do chrìdh’. Bu shùnndach do cheum ’s tu gun éislean an gluasad, Gu sgiobalta cuanta cur seomair air dòigh; Gu furanach, aoidheil, ’s gu faoilteachail, fuasgailt, Bhiodh thusa, a luaidh, dol mu ’n cuairt aig a’ bhòrd. Ri gniomh bha thu seòlta, ro-ghleusd’ agus tùrail; La geamhraidh no Màigh chite tràth dol ri sùrd thu; Gur tearc a bhiodh fàillinn an àros mo rùin-sa; Lan gliocais bha thù agus cùraim gach lò. Gur duilich do phàisdean an dràsda ’g ad ionndrainn, Do ghuthsa cha chluinn iadsan anmoch no tràth; An còmhnuidh a’ smaointinn gu ’n till thu ’g an ionnsaigh, Bhith ’g éisdeachd am bruidhne ’g am chlaoidh-sa gun tàmh. Dh’ fhalbh maise mo ghàrraidh, am flùran bu nòsar’, ’S a’ chiùin mhaduinn chéitein rinn éirigh gun fhòtus; Tha ’n fhàrdach gun sùnnd domh, gun aighear no solas Bho’n smàladh an lòchran bu bhòidhche na càch. Gur diomhain, a ghràidh, dhomh an dràsda bhith tùrsach, ’S gur goirid gu ’n dùinear an ùine dhomh fhéin; Ach guidheam an t-Ard Righ bhith fàbhar mo chùis-sa Le gràsan ’g am stiùradh gu ionmhas nach géill. Nuair bha thusa làthair bu ghnàth leat bhith diadhaidh; Gach subhailc a b’ àille co-fhàs riut gu lionmhor; ’S o ’n fhuaradh ’s a’ ghàrradh gu gràsmhor ri gniomh thu Bidh glòir dhut ’s an t-siorrachd ’g a dioladh ’n a dhéidh. [TD 91] ORAN MAR GU ’M B’ ANN LE IAIN OG. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Nighean donn an t-sùgraidh, ’S mo chaileag laghach, shùnndach; Nighean donn an t-sùgraidh Tha mùirneach anns a’ bhaile so. Gur i mo rùn Nic Dhòmhnaill A chunnaic mi Di-dòmhnaich, Cha robh a h-aon ’s a’ chòmhlan Cho bòidheach rith’ am bharail-sa. Tha i cridheil, sùnndach; Tha i modhail, ionnsaicht’, ’S chan ’eil aon ’san dùthaich ’N am shùileansa cho math rithe. Do na Stàidean Aonaicht’ Ged rachainn-sa air faondradh, Gu ’m bi mi tric a’ smaointinn Air caomhag nam meall-shuilean. Na biodh ortsa cùram, Oir sgrìobhadh mi ’g ad ionnsaigh, Is tillidh mi ri ùine Do dhùthaich ar n-athraichean. Bheir mi dhachaidh càr dhut Nach toir fear eile bàrr air, Is theid sinn leis a Mhàbou, A dh’ Ar’saig, ’s a Halifacs. ’S mór a tha de spéis dhiot ’Sa h-uile taobh an téid thu, ’S beag ioghnaidh mi bhith deurach An latha b’ fheudar dealachadh. [TD 92] ORAN MAR GU ’M B’ ANN LE ALASDAIR DONN. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—’S i nighean mo ghaoil-sa nighean donn òg. A ribhinn nam blàth shul Tha fuireach am Màbou, Gu ’n d’ thug mise gràdh dhuit Nach fhàg mi ri m’ bheò. Gur bòidheach a dh’ fhàs thu O d’ mhullach gu d’ shàiltean, ’S gu ’n deanadh e slàinte dhomh Mànran do bheòil. Ach ’s ann anns a’ Chamus Tha càirdean a’ fanachd, ’S tha fios ’am gur math leo A’ chaileag ’nan còir. A ribhinn dheas, loinneil, Ma thig thu do ’n Eilean, Cha bhi ortsa deireas Gu deimhinn ri d’ bheò. Gach ni mar is àill leinn— Tha iasgach an t-sàil’ ann, Tha cruinneachd a’ fàs ann, ’S buntàta gu leòir. Ait eile cho fallain Ri Eilean na Mara, Chan ’eil e ri fhaighinn An talamh nam beò. Tha coibhneas is càirdeas, Tha ceol agus àbhachd, Tha furan is fàilte An dàn dhuit le còir. [TD 93] NIGHEAN DONN. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Hug hoirionn ho ro bha ho, Nighean donn, bhòidheach; Hug hoirionn ho ro bha ho. Gur a mithich dhomh gluasad Agus cuairt thoirt air òran. Los gu seinn mi do bhuadhan Bho’n a fhuair mi ort eòlas. Tha thu modhail, ciuin, solbhalt’. Tha thu rìomhach, neo-phròiseil. Tha thu iriosal, stuama, Smiorail, fuasgailteach, seòlta. Inntinn shoilleir gun fhoill innt’, ’S tha thu coibhneil an còmhnuidh. ’S do chòmhradh glan, suairce, Chuir na h-uaislean an tòir ort. Tha do phearsa deas, dìreach, Cuimir, fìntealt’, grinn, beòthail. Falt dualach, trom, cuachach, Mu d’ ghuaillean an òrdugh. Gur a binn leam bhith t’éisdeachd Nuair a ghleusas tu ’n t-òrgan. Meur a chuireas an sgrìobhadh Cainnt bhrìoghail an òrdugh. Deanamh fuaigheal le snàthaid, Chan ’eil fàillinn ad eòlas. [TD 94] Leat bu mhiannach ’s a’ Chéitean Tional spréidhe thar lòintean. Bhith ’g an iomain do ’n bhuaile, Seinn dhuanagan bòidheach. ORAN DO DH’ FHEAR AN TIGH-SHOLUIS. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Irinn, àirinn, u ho ró. Soraidh bhuamsa le deagh bhrìgh Null do dh’ Eilean beag Mhargairì, Àite tàmhachd fir mo chrìdh’ Aig bheil an inntinn aighearrach. O ’n tha theisteanas gle àrd Thagh an Riaghladh e thar chàich, Thug gach aon da cridhe blàth, Oir cha robh nàmhaid aige-san. Nuair bhios soithichean a’ chuain Oidhche dhorch’ an éiginn chruaidh, Togaidh Aonghas solus suas A dh’ fhògras gruaim a’ mharaiche. Cha bhi meang no éis ’n a dhriachd; Cha bhi fàillinn bheag ’n a ghniomh; Gnothach ceart ’s e sin a mhiann ’S chan e bhith ’g iarraidh fathamais. Fhuair mi litir nall an dé, Righ, gu ’m b’ éibhinn leam an sgeul, Gu robh ’n t-slàint’ aca gu léir, ’S nach d’ thainig beud ’n an caraibh-san. [TD 95] Fhuair mi òrain bhuaith’ tha grinn, Orain fhonnmhor, cheòlmhor, bhinn, Cuid diubh mu na “Cnuic ’s na Glinn,” Is gu bheil inntinn fhathast annt’. Air an deilbh le dreach is loinn Tha chuid òran còrdadh ruinn; Tha iad mùirneach le luchd seinn, Is faighneachd aig gach banais orr’. Bho’n a chaidh e thar a’ Chaoil, Gu bheil ionndrainn air an laoch; ’S tric a chuir e bròn gu taobh, ’S a chuir e faoin air smalanachd. A bhan-chompanach ’s a luaidh, Tha ro-mheasail aig an t-sluagh, Cridhe fialaidh, inntinn shuairc’, ’S i làn gach uair de charthannachd. Nuair thig sìde bhòidheach, chiùin, Fhreagarrach mu mheadhoin June, Gu ’n teid mise sgriob a null Chuir seachad ùine maille riuth’. (Air-son Freagairt o Fhear an Tigh-Sholuis, faic taobh duilleig, page 132). [TD 96] TE A’ CHUAILEIN BHUIDHE. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Tha an t-òran so air a dheanamh mar gu ’m b’ ann le gille òg do rìbhinn air an d’ fhuair e deagh eòlas air di falbh á cearn àraid de ’n dùthaich so, uair no uaireigin, gu ruige Boston. Séist— Cadal cha dean mi, Sùgradh cha dean mise, Nochd cha chaidil mi, Cuimhneachadh air t’fhuran. Gu bheil mi fo phràmh, ’S air bheag càil do chuideachd, Bho ’n a dh’ fhalbh Di-luain, Té a’ chuailein bhuidhe. Do an bhaile mhòr, Far ’m bheil mòran iomairt, Chaidh mo rùn air chuairt, Dh’ fhàg sin buan mo mhulad. ’S ioma nionag shuairc ’S an taobh tuath so fuireach, Dh’ aindeoin ’s na their càch Thug i bàrr orr’ uile. Fhuair i meas nach tréig Agus spéis gach duine, Ged bhiodh gruaim air càch Gheibht’ oirr’ fàilt’ is furan. Tha i bàidheil, grinn, ’S i cho binn ri cuthaig, Tha i coibhneil, tlàth, Agus àrd an urram. [TD 97] Air an ùrlar réidh Tha a ceum ro-ullamh Freagairt do an cheòl Bhios na meòir ag cluich dhi. Ann an dreach ’s an sgiamh, Ann am miod ’s an cuma, ’S mór a tha de loinn Air a’ mhaighdinn luraich. Anns an riomhadh ùr Thig á bùthan Lunnainn, Coiseachd suas an t-sràid, Cha bhi fàillinn cum’ oirr’. ’S mi nach iarradh òr, No aon stòras diomain, Ach am bothan blàth Le mo ghràdh a’ fuireach. Bho’n a dh’ fhalbh i ’n dé, Tha mi deurach uimpe, ’S beag tha fhios an dràsd Có ri m’ ghràdh a’ bruidhinn. Bòrd a’ bhàta-smùid’, Tha mo rùn an diugh air, Mis’ an spàg a’ chroinn, Is nach cluinn i guth bhuam. Och nan och, cha téid Mis’ air chéilidh tuilleadh, Meòrachadh gun tàmh Mar a bhà mi ’n uiridh. Thusa tilleadh slàn Do ’n tir àird do ’m buin thu, Toilichte le d’ chuairt, Gur e duan gach duine. Bho nach dean e feum Dhomh bhith deurach tuilleadh Chan chan mi an còrr Mu ’n dean Dòmhnall cumha. [TD 98] ORAN DO ’N MHOSGLADH. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— An d’ fhidir, no ’n d’ fharaich, No ’n cuala sibh Dé dh’ éirich do ’n phaipear Bha luachmhor leinn; Am miosachan moltach, Gu ’m b’ ainm da am Mosgladh, Gu bheil sinn fo sprochd dhe Nach d’ fhuair sinn e. Tha corr is tri miosan Nach d’ fhuair sinne sgial air, Ma thréig e na criochans’, Gur truagh sinn dhe; Gach ni mar bu mhath leinn Nuair bha esan ma’ ruinn, ’S cha robh an depression Cur gruaman oirnn. Bha esan gle dhìleas Do dhùthaich ar sìnnsear, Bu tric rinn e innseadh Gach buaidh a bh’ orr’; ’S a’ tabhairt dhuinn sgeula Mu eachdraidh na Féinne, ’S gach tapadh is euchdan Bha dualach dhaibh. Gun d’ thug e dhuinn cùnntas Air eachdraidh nan Stiùbhart, Màiri, ’s am Prionnsa, ’S an cruaidh-chasan; Flòiri Nic Dhòmhnaill ’S na gaisgich bha còmh’ rith Toirt fasgadh do ’n fhògarrach Uasal ud. [TD 99] Na sgialachdan fiachail, ’S na h-uirsgeulan ciatach, Na h-òrain bu bhriagha Leinn cluas thoirt dhaibh, Cha chluinn sinn iad tuilleadh Ma theirig an curaidh A dh’ fhògradh gach mulad Is truaighe bhuainn. Ma thilleas e ’n taobh so, Gu ’m pàigh sinn a shaothair, Gu ’n dean sinn ris faoilte Gach uair thig e; Cha bhi e am fàillinn Ma sheasas na Gàidheil Gu curranta, càirdeil Ri ghualainn-san. NIGHEAN DHONN OG. MAR GU ’M B’ ANN LE EOGHAN. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— ’S i nighean mo ghaoil An nighean dhonn òg; Na ’m biodh tu ri m’ thaobh Cha bhithinn fo bhròn ’S i nighean mo ghaoil An nighean dhonn, òg. Air slàinte Nic Coinnich Bha ’n dé anns a’ choinneamh, An ribhinn dheas, loinneil, ’S mo raghainn ’s gach dòigh. A bhanaltruim chiatach Tha iriosal, ciallach, Gu bheil ort am bliadhna Na ciadan an tòir. [TD 100] A ribhinn dheas, lurach, Ro-àrd ann an urram, ’S gun mheang ann ad chumadh O d’ mhullach gu d’ bhròig. O ’n thug mi fhin gràdh dhut, Cha leig mi le càch thu, ’S ann gheibh mi am fàinne Gun dàil leis an òr. Bha Dòmhnall is Seumas Glé mhuladach, deurach, Nuair chaidh sinn le chéile An dé air an ròd. As deaghaidh “Phrionns’ Tearlach,” Each cumadail, làidir, Each aigeannach, sàr-mhath, Gun fhàillinn ’n a chòir. Do chòmhradh bu mhiann leam, Do mhànran a lion mi, ’Nam chuimhne gu siorruidh Bidh briathran do bheòil. Clann Choinnich bha ainmeil An eachdraidh na h-Albann, Air thoiseach na h-armailt Bhiodh stoirm aig na seòid. Luchd cinnidh do mhàthar, Chan iadsan bu tàire, Clann Dòmhnaill mo ghràidh-sa Do ’m b’ àbhaist bhith mòr. Ciad soraidh an dràsda Le ribhinn nam blàth shuil, Bho ’n rinn thu ar fàgail Gu ’n d’ àrdaich ar bròn. [TD 101] ORAN DO RUAIRIDH MAC DHUGHAILL, MARSANTA AM PORT HOOD. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Soraidh bhuamsa null gu Ruairidh, An sàr dhuin’-uasal as grinne nàdur, An deagh fhear-dùthcha, tha measail, cliùiteach, Ro-mhath ’n a ghiùlan, ’s e fiùghail, càirdeil. ’S glan da rìreadh an stoc o ’n d’ chìnn thu, Cha robh ’san tìr so na bheireadh bàrr orr’, Clann Mhic Dhùghaill bho thall am Mùideart, ’S ann daibh bu dùthchas bhith ’n tùs nam blàraibh. Dh’eug do phàrantan nuair a b’ òg thu, Sud mar dh’ òrdaich Righ nan Gràs e, Ach ortsa bhuilich E móran ghibhtean, Tùr is gliocas le misneach Gàidheil. Ged a b’ òg iad, an còrr dhe ’n teaghlach, Le mòran coibhneis rinn thusa sgàth dhaibh Le snas is dìchioll, ’s bhith daonnan dìleas, Cha robh dìth oirbh fad ur làithean. Thainig deuchainnean trom’ ad ionnsuidh, Rinn thu ’n giùlan le faigh’dinn sàr-mhath; Na mnathan ciatach bha coibhneil, fialaidh, ’S ro-mhath gu riaghladh, thug Dia leis tràth iad. Ged dh’ éireas flùrain nuair thig an samhradh, ’S ged sheinneas eoin anns na coilltean làimh ruinn, Cha toir iad sòlas do chridhe brùite, Tha tric ag ionndrainn ’s ag caoidh na dh’ fhàg e. Tha do theaghlach nis cruinn mu ’n cuairt ort, ’S gu ’n d’ thog thu suas iad le cùram gràdhach, Gillean sùrdail is òighean ciùine, Glan, cridheil, mùirneach, ’s iad cliùiteach, bàidheil. [TD 102] Moran sòlais is toil inntinn Bhith tric ag cinntinn mu ’n cuairt dhe d’ fhàrdaich, Is coibhneas chàirdean bhith daonnan dlùth dhuit, Gur e sin dùrachd Mhic Dhùghaill ’Ic Phàrlain. FAILTE. do CHOMUNN GAIDHEALACH CAITLICEACH CHANADA a bha air a chumail am parraiste a’ BHAIGH AN EAR, CEAP BREATUINN, air an t-sèathamh latha deug de’n Fhoghar, 1933. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Irinn àirinn ù ho-ró, Irinn àirinn ù ho-ró, Irinn àirinn ù ho-ró, Gu ’n togainn fonn gu h-aighearrach. Fhuair mi sgeul a tha leam binn, ’N Comunn Gàidhealach an diugh cruinn, Comunn air bheil tlachd is loinn, ’S gach cùis dol leinn mar ’s math leinn e. Fhuair sinn cuireadh farsuinn, fial, Tigh’nn do ’n Bhàgh an Ear am bliadhn’, Sgireachd anns ’n robh pailteas riamh, Is daoine ciatach fanachd ann. Chruinnich iad an diugh gu ’r miann, Thàinig iad o ’n ear ’s o ’n iar, Sliochd nan Gàidheal a bha riamh Lan coibhneis, ciall, is carthannachd. [TD 103] Chì mi uaislean as gach ceàrn, Chì mi iad ag crathadh làmh, Gach aon a’ faighneachd, “Ciamar thà? ’S bheil an t-slàint’ aig bail’ agaibh?” “Glòir do Dhia,” tha ’n tùs ar smaoin, ’S “math ar cinnidh,” duan gach aoin, ’S cha dìochuimhnich sinn cliu nan laoch An tir nan craobh rinn dachaidh dhuinn. Math ar creideimh, math ar dùthch’, Math nan Gàidheal, tha ’n ar sùil, ’S bhith daonnan dìleas do Chrùn, ’S ag cosnadh cliù do Chanada. Gheibh sinn òraidean bhios grinn, Gheibh sinn òrain bhlasda, bhinn, Ceol na piob’ ’s na violin, Gur taitneach leinn am farum ac’. Cumaidh sinn a’ Ghàidhlig suas, Tha i nàdurra gach uair, Cainnt nan gaisgeach, cainnt nam buadh, Is cainnt do ’n dual bhith maireannach. Chlann nan Gàidheal Albainn Nuadh, Togaibh àrd ur bratach suas, Seasaibh dìleas gual’ ri gual’, ’S e sin bu dual do ’r n-athraichean. [TD 104] AISEIRIGH A’ MHOSGLADH. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. AIR FONN—Ho ró, ho ró, gu ’m b’ éibhinn leam. Tha ’n Comunn Gàidhealach ’s aoidh orra, ’S am Mosglach tigh’nn as ùr chuca; Cha d’ thug e idir cùl riutha Ged bha na cùisean teann air. Is ged nach robh an t-slàint’ aige Car tamuill, mar a b’ àbhaist da, Cha b’ aiceid idir bàis a bh’ air Ged b’ fheudar tàmh ’san ám ud. An Gàidheal rìoghail, duineil ud, Mac Cormaic uasal, uarramach, Gu ’n d’ thug e dhàsan cuideachadh A dh’ fhàg sinn uile taingeil. Gur e bhios ann ni tàmailteach Ma leigear tuilleadh fàillinn chuig’, ’S an liuthad curaidh Gàidhealach Air feadh gach àit’ an geall air. Ged tha ’n depression mhosach ud A’ fàgail lom nan sporanan, Nuair bheir sinn uile dollar dha Bidh esan sona, saibhir. AM PASGAN FRAOICH. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Mile beannachd do an laoch ud Chuir am fraoch ud leis a’ mhail; Pasgan ùrail, daithte, cùl-dhearg, ’S faile cùbhraidh de gach géig. Ann an Eilean Bharraidh dh’ fhàs e, Tir nan Gàidheal nach robh clì; Gur e suaicheantas na h-Alb’ e, Bho chionn aimsir anns gach lìnn. [TD 105] Chuir Nic Iain, a’ bhean-uasal, Nall thar chuan e gu A. Y.; Riaraich esan e le suairceas, ’S gu ’m a fada buan a làmh. AN T-SITHEANN A BHA AIG DOMHNALL LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Ho na cearcan, hé na cearcan, Hó na cearcan a bh’ aig Dòmhnall; S ann an sud bha ’n t-sitheann bhlasda, Air a’ mharcaid gu ’n robh call oirr’. Bean Mhic Nèill a fhuair an ulaidh, Rinn i sulas a bha mòr riuth’, Chan ’eil t’ eile anns a’ bhaile ’S fhearr dha ’n aithn’ an cur gu dòigh dhuinn. Fhuair i spiosrach agus mìlsean, Cha robh dith air stuthan sòghmhor, ’S ann an sud bha ’n dinneir luachmhor Nuair a chuir iad suas air bòrd i. Tha na Geancaich tric ag iarraidh Rogha biadh ’s na tighean-bòrdaidh, Ach cha d’ fhuair iad riamh cho milis Ris an t-sitheann a bh’ aig Dòmhnall. Rita fhuair an cnàimhean broillich, Thug sud toileachadh do ’n chòrr dhiubh; Gu ’m biodh piseach agus buaidh oirr’, Agus ’s dualach leinn gu ’m pòs i. Sud na h-eòin a choisinn duaisean Iomadh uair air feadh na Mòr-roinn, Iad gun mheang bho spòg gu cìrean, Cuimir, fìnealt’, rìomhach, bòidheach. Gu ’m a fada beò is slàn iad, Rinn an àrach an deagh òrdugh; Agus ise rinn an ceannach, Mile beannachd di o Dhòmhnaill! [TD 106] LUCY GRAY. O BHEURLA WORDSWORTH. LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. ’S tric chuala mi mu Lucy Gray; ’S a’ dol troimh ’n fhàsach mhòr, Gu ’m faca mi aig éirigh grèin’ An t-aonaranach òg. Cha b’ eòl di caraid no fear-gràidh, Oir bha i tàmh ’san raon; Chan fhacas riamh cho grinn a’ fàs Aig fàrdaichean chloinn-daoin’. Gu ’m faicear fhathast meann a’ leum, Is coinean mach air blàr, Ach aodann maiseach Lucy Gray, Chan fhaicear leinn gu bràth. “Bidh ’n oidhche doirbh le cathadh dlùth, Mo leanabh, ni thu falbh Le d’ lanntair beag do ’n bhail’ a nùll Gu d’ mhàthair iùl ’s an dorch!” “Gu toileach falbhaidh mi gun dàil, Chan ’eil an ùine gann, An t-uaireadair gu ’n d’ bhuail e dhà, ’S a’ ghealach os mo chionn.” Gu ’n d’ ghluais an t-athair aosd’ am mach A dheanamh tùrn is gleus; A nighean bheag ’san ám gu ’n deach I air a turus fhéin. Gu ’n d’ shiubhail i mar earba chaol; Bha sneachda falbh bho cois, ’N a fhrasan mine aig a’ ghaoith, ’G a thilgeadh thall ’s a bhos. [TD 107] Gu ’n d’ éirich stoirm ris nach robh dùil, Cha b’ eòl di cùrs’ fa leth; ’S ged dhìrich i ri iomadh stùc Cha d’ rinn i ’m baile dheth. Na pàrantan bha ’n oidhch’ ud truagh ’G a h-iarraidh anns gach àit; Ach comharradh sam bith cha d’ fhuair A dh’ innseadh dhaibh mu ’n phàisd’. ’S a’ mhaduinn mhoich, gu h-àrd air creig, Gu ’n d’ sheas iad ann le chéil’; Bho sin gu ’m fac’ iad drochaid bheag Bha goirid dha ’n tigh fhéin. Air dhaibh tilleadh ’s iad ag glaodh’ich, “Air Nèamh gu ’n coinnich sinn,” Gu ’n d’ chomharraich a’ mhàthair chaomh, ’S an t-sneachda, cumadh buinn. Bho sin gu ’n d’ lorgaich iad an ceum Le bruthach cas na ’s leòir, Is tarsuinn air an droigheann gheur, Is faisg do ’n challaid mhòir. A’ dol troimh phàirce leathainn, mhòir, Gu ’n d’ lean iad dlùth gach eag’ A rinn a ceum ’s an t-sneachda reòt’ Gu ruig an drochaidh bheag. Gu ’n d’ lean iad sios bho àird na bruaich Na lorgan, té mu seach; Thar bil’ na drochaid, sgeula cruaidh, Gu ’n deach an lorg am mach! Tha cuid gu làidir cur an céill Gu bheil i fhathast beò, ’S gu ’m faicear coltas Lucy Gray Air feadh an fhàsaich mhòir. I coiseachd talaimh gairbh is min, ’N a déidh cha toir i sùil, Is luinneag thiamhaidh aic’ ’g a seinn Tha feadarsaich ’s a’ ghaoith. [TD 108] ORAN DO CHALUM OG LE DOMHNALL MAC PHARLAIN. Séist— Ho ró, ho ró, gur deurach sinn, O’n chualas mar a dh’ éirich dhuit, ’S ann leinn nach ait an sgeula sin An t-eug a thigh’nn cho dlùth dhuit. Gur truagh, a chiall, mar thachair dhuit, Do ghille bha cho tapaidh riut: ’S e tuiteam bharr nan sgafallan A dh’ fhàg do chasasn brùite. Am faradh mosach, dosgainneach, Nach robh air làraich shocaraich, ’S e chuir thu ’n diugh ’s an ospadal, Aig dotairean ’g ad rùrach. Na casan a bha dileas dhuit, ’S a dhannsadh aotrom ruidhle leat, ’S a choisich mòran mhiltean dhuit, An diugh gun chlì, gun lùths annt’. Na caileagan a b’ aithne dhuit Air feadh na tìr ’s chan ainneamh iad, An diugh gu deurach, smalanach, Chionn Calum a bhith ciùirrte. Ged tha do chreuchdan sàraichte, Cha toir iad gibht na bàrdachd uat Nuair thilleas riut an t-slàint’ a rith’sd Gu ’m faigh sinn dàin as ùr uat. Ach thig an là, ’s chan fhad’ chuige, ’S am bi deagh shlàinte agadsa ’S theid diochuimhn’ air an tachartas A dh’ fhàg do chasan brùite. [TD 109] ORAIN LE DOMHNALL MACDHOMHNAILL AGUS EILE [TD 110] MOLADH A’ CHLADAICH AGUS DIOMOLADH A’ CHUIL. FREAGAIRT DO DHOMHNALL MAC DHOMHNAILL. LE DONNCHADH MAC GHIL-FHAOLAIN. ’S ann an so tha ’n sluagh a’ tàmh, Ged thuirt thu “gràisg de dh’ iasgairean,” As àille cruth bho cheann gu sàil, Gur fearail, làidir, easgaidh iad; Fòghluimte air muir ’s air tìr, Gur modhail, rìoghail, rianail iad; Ma fhuair thu coire dhaibh ’nad dhàn, Cha robh do chàil ’g a iarraidh ort. Ma thug thu ’n rùn sin do an Chùl, ’S ann tha mi ’n dùil nach b’ fhiach se e; Nuair a thig an geamhradh dùint’, Ged ’s math na flùrain, crionaidh iad. ’S mór gu ’m b’ fhearr bhith ’n taic an t-sàil’, Far ’m faicte tràigh is lionadh leat Na cumail sùil air duilleach dlùth Air feadh nan lùb ’s nan leanagan. Is ma tha ’n t-àite sin gu h-àrd Cho fiarail, fàsmhor, fuaranach, Gu ’m b’ olc e bhith gun fhios do chàch Am barr bhith fàs cho buadhmhor ann; Ach ’s e chunnaic mise fàs A’ chuid a b’ fhearr de ’n luachair ann, Suibheagan nach abuich tràthail, Dithean bàn, is ruadh-ghucag. Chan ’eil sinne ’n so gun eòin Ni tàmh air chrainn nam miaragan, Is ged nach ’eil sud ainmeil dhaibh, Tha ceòl neo-ghann ’s a’ bhial aca, [TD 111] O ’n uchd gu ’n tart thig seirm ro-bhlasd’, ’S cha chuir e mach an cliathaichean Ged a chuireadh iad ri dàn Air maduinn fàilt’ ’s a’ chiar ghlomadh. A bharrachd air na thuirt mi ’n dràsd Tha eòin an t-sàil’ mu ’n cuairt againn; Is ged nach ’eil an guth cho tlàth, Tha ’n cànain ac’ neo-thuathalach; Tha sgoil-mhara aig an àl Nach tugadh bàrr an Cluaidh oirre, Is nuair a theid iad air an t-snàmh, Gur mear air bhàrr nan stuadhan iad. Ma gheibh thu biadh air bhàrr nan slatan, Acras, cha b’ e dhioladh e, Is ged a bhiodh e milis, blasd’ Cha chuir e casg air miananaich; ’S ann bhios an reachd am pòr nan cnoc A’ fàs fo dhealt nan fiath-bhoinnean O ’n t-siol tha steach fo fhaobhar chlach, ’S a thig am mach gun chiaran air. Ach fhir a theid gu cùl nam beann, ’S a bhios an geall air ioghaidhean, Mar tha coltach a bhith ann, Ma ’s fior ’san ám na dh’ innsear dhuinn, Chi thu coille ghoirid, cham, Mu ’n cuairt air sgall de chlireadh ann, ’S ma chaidh a threabhadh leis a’ chrann, Chan ’eil am fonn ’g a innseadh dhuinn. Ma ’s aithreach leatsa tigh’nn a nall Gu slios neo-ghann an ìosail so, Is mur a d’ fhuair thu sòlas ann, Tha gaoid ro-throm ’nad inntinn-sa; Chunnaic thu na daoine trang, Gu call dhaibh cha bhi ’n dìchioll sin, Is bidh na sporain aca trom Gach uair bhios bonn a dhìth orra. [TD 112] Ma tha ’n t-àite so cho truagh, ’S an àird-a-tuath cho direach air, ’S beag tha chùram dhuinn bhith fuar, Oir ’s pailt an gual ’san tìr againn; Is ged tha cuid de ’n aonach ruadh, Cha chathadh cuain rinn sgaoileadh air, Is ann a rinn e caochladh tuair An deidh a’ bhuain a chaoineachadh. Thoir mo shoraidh dh’ ionns’ a’ bhàird A dhùisg an dràsd gu briathran mi; Tha mi ’n dòchas anns an Agh Nach cuir pàirt dhiubh miothlachd air; Ged a theireadh e ri càch Nach d’ rinn mi dàn, ged dh’ fhiach mi ris, Is e mo dhùrachd e bhith slàn, ’S e thigh’nn gu m’ fhàrdaich, ’s iasgair mi. (Air-son “Moladh a’ Chuil agus Diomaladh a’ Chladaich” faic taobh-duilleig, page 106). [TD 113] MOLADH A’ CHUIL AGUS DI-MOLADH A’ CHLADAICH. LE DOMHNALL MAC DHOMHNAILL (MAC THORMAID), CUL ABHAINN MHARGAIRI. B’ ann air mullach beinne bha dachaidh a’ bhàird. Bliadhna bha an sud, ghabh e muinntearas aig tuathanach a bha fuireach air baile bòidheach, réidh, taobh a’ chladaich. Mhothaich e an t-socair a tha aig an fheadhainn a tha fuireach air na còmhnardan nach ’eil idir aig muinntir nam beann; ach a dh’ aindeoin sin uile, bu mhath leis innseadh do ’n t-sluagh nach e àite gun toileachadh a tha ann an Cùl na Beinne. Ged tha mis’ an so an dràsd A’ tàmhachd air na criochan so, Taobh a’ chladaich, ’n taic an t-sàil’, Far a bheil gràisg de dh’ iasgairean, Cha b’ ann thogadh mi as m’ òig’ Ach cùl nam mòrbheann fiachail’ ud, Far an goireadh riabhag ’s smeòrach Maduinn òr-bhuidh’, ghrianachail. ’S ann do ’n Chùl thug mise rùn, ’S gu ’n dùraiginn bhith ’n còmhnuidh ann, Far am fàs a’ choille dhlùth, Gu slatach, lùbach, meòireanach; I cho dùbhghorm, maothbhog, sùghmhor, ’S duilleach ùr ’ga còmhdachadh; Fàileadh cùbhraidh thar gach flùr Th’ air feadh nan lùb ’s nan srònagan. Sud an t-àite iochdmhor, gràsmhor, Grianail, gràdhach, cluanagach; E cho clùthmhor, fasgach, blàthmhor, Feurail, fàsmhor, fuaranach; [TD 114] E cho measail, milis, tlàth, Gur lionmhor àgh tha fuaighte ris; Bidh eòin nan speur gu pongail, réidh, A’ seinn air ghéig mu bhruachagaibh. O sud an treud as binne gleus, ’S as grinne beus o ’n duanagan, Leam a b’ éibhinn bhith ’g an éisdeachd Feasgar ceutach, duatharach; Iad cho giort-gheal, uchdard, foirmeil, Gobcham, meanbhsgiath, luasganach, A’ beicearsaich air feadh nan crann, ’S a’ seinn nan rann neo-bhruailleanach. ’S mór am miadachadh d’ a chliù Am pòran ciùin a ghluaiseas ann; ’S culaidh-ìoghnaidh le luchd tùir An crònan ciùil thig bhuapasan; Nuair bheir binnead an cuid fheadan Air na creagan cluas thoirt dhaibh, Gus an tòisich iad mu dheireadh ’G am freagairt mar a chual iad e. ’S ann ad ghlacan dìomhair fhéin A dh’ fhàs na seudan prìseil’, glan; Tha tùr nàduir ann gun èis, Is chan ’eil feum air ìnnleachdan; Gheibhte biadh air bhàrr nan slatan, ’S gu ’m bu bhlasd’ am mìlsean e; Gheibhte dìon fo sgath nan stacan Ged bhiodh frasan fìoruisg’ ann. An t-àite as àille tha fo ’n ghréin, ’S e sud an sgeula fìrinneach; Ach ma shaoileas sibh gur breug sin, Ruigibh fhéin e ’s chì sibh e; Nuas o mhullach a bheann àrda, Bhràigheachan, is islichean, Ag cur thairis fo throm bhlàth De ’n bhàrr as fheàrr ’san rìoghachd so. [TD 115] B’ fhearr gu ’n d’ fhuirich mise thall Gu ’n tighinn nall do ’n ìosal so, Far a bheil gach sòlas gann, ’S na daoine th’ ann ’g an cìosnachadh; ’S ged a bhiodh iad ann cho trang Ri clann nan Gall le ’n innleachdan, Cha toir iad as de bhàrr no taing Na chumas ach gann tì riutha! ’S ann an so tha ’n t-àite truagh, ’S e ’s suaraich’ tha ’san rioghachd so, E cho deiseil ris an fhuachd, ’S an àird a tuath cho direach air; H-uile latha soirbheas fuar A’ lomadh suas nan clirichean, ’S na bailtean tha ri taobh a’ chuain Lan sgriodain ruadh is ghriogagan. (Air-son “Moladh a’ Chladaich,” etc., faic taobh-duilleig, page 110.) [TD 116] ORAN NA MUICE. LE DOMHNALL MAC DHOMHNAILL. Thug dithis mhucan le Dòmhnall, coimhearsnach do ’n bhàrd, a’ choille chnò orra toiseach a’ gheamhraidh. Chaidh aige air té dhiùbh a shaodachadh dhachaidh. B’ e an dealachadh bho chéile a b’ aobhar do ’n mhuic eile an t-òran a dhèanamh. An cuala sibhs’ an t-òran A rinn a’ mhuc ’s a’ chnò-choill’, Nuair dh’ fhalbh an té bha còmhl’ rith’, ’S e so an dòigh na labhair i: “Togaidh mi mo chùrsa, Is falbhaidh mi ’s a’ ghnùsglaich, ’Gad iarraidh feadh nan cùiltean, ’S mi ’n dùrachd gu’m faigh mi thu. “Cha d’ fhuair mi uibhir ’s t’fhàileadh O ’n latha rinn thu m’ fhàgail ’S na sluic a bha gu h-àrd Os cionn àite Mhaisghstir Mac againn. “Bha sinn ann dithis bhràithrean, Gu gnosach, fiaclach, làidir, ’Gar cothachadh ’san fhàsach Gu tùs a’ Mhàirt an earraich so. “’S e Dòmhnall fhuair an tàire ’Gar n-iarraidh anns gach àite, Bha sinn an suamp Chloinn Ràghnaill, ’S, a ghràidh, b’ e ’n t-àite falaich e. “Bha leab’ againn ’n a bhràighe, Gu ’m fòghnadh i do ’n Bhànri’nn, ’S nuair dheanainn fhìn a càradh, A righ, b’ e ’n t-àite ’n caidilinn. [TD 117] “Gu ’n caidleamaid gu saor ann, Gun eagal chon no dhaoine, Gun chùram air an t-saoghal, Gun aodach, gun phlaideachan. “A’ phlangaid, ’s beag mo spéis di, Cha fhreagair i dha ’r deudach, Cha sheas i oidhche fhéin duinn, Gu ’n teuramaid roimh mhaduinn i. “’S e spruis is maidean cruadha A bh’ againne mar chluasaig, ’S an deigh ’na cnapan fuara Mu ’r cluasan nuair a chaidleamaid. “Bu bhraiceas dhuinn air uairibh Bun rainich, ’s currainn chruadha, Sinn fodha gu ar guaillean, ’S na cluasan anns a’ chlapadaich. “’S e crotul agus gìogain Bhiodh againne mar dhìnneir, Is uisge bog nan dìgean A bhith’maid fhìn ag gabhail leis. “Bu shuipear dhuinn ’s an ám ud Cnothan bits’ is calltuinn, A righ, b’ iad sud an t-annlan A b’ annsa leinn na maragan! “’S tric mi ri smaointinn uaigneach Gu ’n tachradh ortsa fuathas De choin ’s de dhaoine suarach Nach gabhadh truas ri d’ ghearan-sa “An raoir a rinn mi bruadar, ’S mi ’m chadal ’s an dun bhuachair, Gu ’n d’ amais thu ’s an t-suamp rium, ’S na cluasan dhiot bho ’n ailleagan. [TD 118] “’S an uair a rinn mi dùsgadh, ’S a thuig mi mar bha cùisean, Gu ’n d’ rinn mi béist de ghnùsgail, ’S gu bheil an tùchadh fhathast orm!” O, sud agaibh an t-òran A rinn a’ mhuc ’s a’ chnò-choill’, ’S i fhéin a dh’ ionnsaich dhòmhs’ e, ’S bu bhòidheach féin a ghabh i e! ORAN NAM MAITSEACHAN. LE DOMHNALL MAC DHOMHNAILL. Air do ’n bhàrd, aon latha, tilleadh dhachaidh bharr turuis, agus e sgith, fann, fhuair e gu ’n deachaidh na maitseachan a ghoid air, agus nach robh dòigh aige air teine thogail no tì a dheanamh. Bho nach robh creutair eile mu ’n cuairt anns an ám ach mart òg agus laogh, ’s ann riuthasan a rinn e a ghearan, mar a leanas: A mhartain ’s a laoigh, nach truagh leibh mi caoidh Nam maitseachan gaoil a fhuair mi, ’S a bh’ agam dhomh fhéin a’ feitheamh air m’ fheum Gus na robainn a’ bhéist bhuam iad. Gur e ’n t-ùmpaidh bha breun, gun chùram, gun chéill, Thug leis iad gu léir ’n an cuallach; Leam is duilich an sgeul, o ’n bha ’n tein’ annta fhéin Nach do loisg iad bho speur suas e. ’S mi bha ròiceil ’s an ám, mu ’n d’ rinn a’ bhéist ud mo chall, O, ’s mi nach robh ’n taing ’san uair ud; Im is aran neo-ghann, bainne, ’s gruth ’s e ’n a mheall, Agus measraichean ann fo ’n uachdar; Cha robh ni orm gann, bha paipear ’s e thall, Agus maitseachan ann is fuathas diubh, Leis an togainn am blaze chuireadh cabhag air féisd An turus nach feumainn fuarag. [TD 119] ’San ám thòisich mì cumail tighe le m’ fhìn Leam a b’ fhasant’ an nì air uairibh, Toirt fear dhiubh á cìr, ’s air a cheann bheirinn sgriob, ’S thigeadh lasair bheag, rìomhach, uain’ as; Gheibhinn coire gun strìth, ’s dheanainn sgolladh gu grinn, Bho ’n a b’ fhasan leam fhìn an uaisle, ’S gu ’n deanainn an tì, ’s ro-mhath chòrdadh rium fhìn, Bho ’n ’s i dh’ fhògradh gach sgìos is uallach. ’S iomadh tlachd is deagh bhuaidh air pòr beag nan ceann ruadh A dh’ fhàg mise cho truagh mu ’n déidhinn; Iad cho feumail gach uair gus teine chur suas Air maduinnean fuar’ ’s mi ’g éirigh; Tha iad math anns an oidhch’ dol a shealltainn air maighd’n Le faireachadh coibhneil, suairce; ’S tha iad prìseil aig cléir, timchioll altair Mhic Dhé Gu bhith lasadh na céire suas leo. Ge b’ e rinn an gniomh nàr, ged thèaruinn e ’n dràsd, Gheibh e ’n duais a tha ’n dàn d’ a sheorsa; Cha sguir e gu bràth a’ robainn bho chàch, Gus an glacar an sàs an rògair’; ’S ann a chìtear e ’n sàs, gheibhear ciontach an tràill, Theid a dhìteadh gu bàs brònach; ’S o ’n bha ’n còrr air a làimh, théid an ropa gun dàil Chur daingeann mu bhràighe sgòrnain! [TD 120] LEISGEUL. LE DOMHNALL MAC DHOMHNAILL. Rinn am bàrd òran spòrsail do choimhearsnach dà, rud a chuir farran air an fhear eile agus cuideachd air piuthar da, air an robh am bàrd, na ’m b’ fhior e fhéin, an geall, ach a nis a thréig e air tailleamh an òrain. A réir an rainn mu dheireadh, bha té eile air bhrath a ghabhadh “àite na te dh’ fhalbh.” Is e fleasgaich a bh’ annta le cheile. Ma bhios fear cho amaideach ’S gu ’n dean e mearachd sgéil, Diteadh an atharraich, ’S a’ fanaid air le bheul, ’S e chùis bu chòir d’ a leanailt Air an fhear do ’n d’ thug e ’m beum A chliù a chur am farsuingeachd, ’S a mhathas bhith ’g a sheinn. O, b’ fhurasda sud dhòmhsa Do fhear còir a’ chridhe bhlàth, Na ’m b’ aithne dhomh mo chòmhradh Chur air dòigh mar ni na bàird, Gu ’n innsinn sios gu h-òrdamail H-uile dòigh mar rinn thu fàs Gu flathail, coibhneil, sìobhalta, Is fìrinneach ’s gach càs. Ged rinn mi ’n t-òran suarach, Cha b’ ann le fuath no foill, Ach o’n a bha mi eòlach ort, O ’n bha sinn òg ’n ar cloinn, Gu ’n gabhainn dhut ad ònar e Nuair bhiodh tu còmhradh rium; O’n ’s tric a rinn sinn cònnsachadh, ’S bhiodh spòrs againn ’s gach ám. [TD 121] Tha mearachdan is fàillinnean Air am fàgail dhuinn gu léir; Chan fhaod ainn bhith ’g an àicheadh, ’S sinn gach là ’gan cur an céill, O thuiteam ar ciad phàrantan ’S a’ ghàrradh ’s an robh ’n spéis, ’S a lean gach linn mar thàinig iad, ’S gach àl a thig ’nan déidh. Tha ’n nàdurrachd ud agamsa, ’S aig gach anail tha fo ’n ghréin, Le gealladh làidir daingeann Nach teid thairis is nach tréig, Mu fharmad na staid rathail Leis ’n do mheall an nathair fhéin Nuair dh’ ith iad meas na craoibhe Thug do ’n chinne-daonn’ an t-eug. O, sud mar thà an truaighe A’ faighinn buaidh thar gach nì, ’S gur duilich leam ri luaidh e Gu ’n robh fuathas annam fhìn. O’n rinn mi ’n rannaghail shuarach Nach robh buannachdail ri lìnn, Ach an sonas sin nach d’ fhuair mi Nis bhith uam is mi leam fhìn. An cuala sibh sion idir Bho cho clibisteach, bochd, truagh, Ri fear bha riamh cho trioblaideach A’ strì ri fhortan buan Nuair a bha air bial a ghlacadh ’S ann a b’ fhaide bha e bhuaith’ Gun reusan air a mhearachd Ach a theanga bhith cho luath. Och, sud mar dh’ éirich dhòmhsa, ’S bochd mo dhòigh a nis ’na dhéidh, Le aithreachas an còmhnuidh ’Gam fhior leòn ’s nach dean e feum; [TD 122] O’n a rinn mi ’n ròlaist Bha neo-dhòigheil air a bheus, Gun fhacal bhith dhe ’n fhirinn ann Ach rannan clì nam breug. Ged thuirt mi riut gu tàireil Gu ’n robh do làithean gun fheum, Gu ’m faodainn fhìn ’s a’ chàs sin Breith air làimh an dràsd ort fhéin; Ged shaoil mi anns na tràthan sin Gun dàil gu ’n deanainn gleus, Ach ’s e mo bhial a bhith gun fhàitheam Chuir am fàbhor sin uam fhéin. O, chuideachda, ’s a chàirdean, ’S mairg gu bràth their facal còrr, Ged a b’ ann am meadhoin fàsaich No bhith ’n àite fad air falbh, ’S gun duin’ idir a bhith làimh riut Thu ’g a ràdh, ged b’ ann le spòrs, Bidh sud air làrna-mhàireach, Anns gach àit an toir thu sròn. ’S e ni mi nis, tha dùileam, Misneach ùr a thoirt dhomh fhéin, Ri teannachadh na ’s dlùithe Ris a’ chùmhradh th’ air an fhéill; ’S bho ’n fhuair mi mach an cùrsa, Gur a sùnndach ann mo cheum, ’S ma gheibh mi mar tha dùil ris, Cha toir mi sùil am dhéidh. Ma chumas Dia mo shlàinte rium, An dràsda, mar is còir, ’S ma chinnicheas am buntàta dhomh, Gun fhàillinn thigh’nn g’a chòir, Gheibh mi fiacaill àluinn, Ged phàighinn i le òr; Sparraidh mi gu làidir i An àite na té dh’ fhalbh. [TD 123] CUMHA. LE AONGHAS BAN MAC PHARLAIN, BRAIGH MHARGAIRI. Séist— Hó gur misde, hé gur misde, Hó gur misde leam mar thà chuis, ’S misde leam gu ’n d’ rinn thu gluasad Null gu tir a’ ghuail a thàmhachd. ’S mór am milleadh air an Eipheit Na fir ghleusda bhith ’g a fàgail; Mac Gill-Eathain, Mac Gill-Fhaolain, Is Mac Eadhmuinn, thréig an t-àite. Nuair a ràinig mi an clìreadh Anns an robh thu, Néill, a’tàmhachd, Fhuair mi ’n fhàrdach air a dùnadh, Shil mo shùilean, ’s cha bu nàr dhomh. Nuair a chruinnicheadh na h-eòlaich Stigh ’nad sheòmar, mar bu ghnàth leo, Gu ’m biodh cridhealas gu leòr ann, ’S gheibhte ceòl is òrain Ghàidhlig. Dh’ fhalbh thu bhuainn a Gleann a’ Phìobair’, Chuir sinn mìghean air mo nàdur; ’S ann ort fhéin ’s air do chuid cloinne Chaidh a shloinneadh, th’ iad ag ràitinn. Seinnidh Iain grinn a’ phìob dhut, Seinnidh Sìn’ i, agus Teàrlach, Eachann, Flòiri, agus Seumas, Mary Jane, is May, is Seàrlot. ’N am biodh fios ac’ anns an tìr sin Air cho grinn ’s a tha do nàdur Thogte pàileas a bhiodh daor ann, ’S bheirte dhutsa saor o mhàl e. Bho nach aithne dhomh do bhuadhan A chur suas ort mar a b’ àill leam, ’S ann a sguireas mi de ’n òran Le bhith ’g òl air do dheoch-slàinte. [TD 124] FIOS-FREAGAIRT DO LITIR AONGHAIS ’IC GILL-FHAOLAIN. LE AILEAN MAC DHOMHNAILL, MARGAIRI AN IAR-DHEAS. Fhuair mi litir ’san ám Bho mo charaid a nall, Ann an cànain nan sonn ’s na Féinne, Canain mhilis nam buadh Nach leig sinne bhuainn Gus an càirear ’san uaigh le chéil’ sinn. Gur i ghluais orm fonn, ’S dh’ éirich m’ aigne le srann, Nuair rinn mi na bh’ ann a leughadh; Oir bha iomadach sgeul Air an innseadh dhomh fhéin Leis an fhiùran tha fiùghail, éibhinn. Dhòmhs’ a b’ aithn’ thu bho d’ òig’, Tha thu cridheil, lan spòrs, Bu tu ’n saighdear, ochòin, nach tréigeadh; Na’m bitheadh tu ’n càs, No aig nàmhaid an sàs, Dheanadh spiorad a’ Ghàidh’l riut éirigh. Tha thu dh’ fhine nan sonn A bha ’m Mòrair nam beann, A bhiodh gaisgeil an ám dhaibh éirigh; Dol a chogadh ri nàmh, Bhiodh an claidheamh ’nan làimh, ’S iad a sheasadh gun sgàth ’s nach géilleadh. Bu tu òigear nam buadh Tha deas, sìobhalta, suairc’, ’S iomadh rìbhinn tha truagh mu d’ dhéidhinn; Iad ag guidhe ’s gach ám Gu ’m faigh iad thu ’m bann Le cùmhnantan teann na cléire. [TD 125] Chan e leòmag gun tùr Anns an cuireadh tu ùis Ach maighdean glé chùirteil, bheusach, Chuireadh tigh dhuit air dòigh, Agus biadh dhut air bòrd, ’S gach ni ann an òrdugh glé mhath. ’S thu dh’ fhàgail do thìr, Abhainn mhaiseach Mharg’rì Dh’ fhàg mise, da rìreadh, deurach; Far an tric a bha sìnn Gabhail sòlais leinn fhìn, Bhiodh ar còmhradh le cinnt gle éibhinn. Nuair a thig am mios Màigh, ’S a thionndas am blàths, ’S a bhios flùrain a’ fàs fo ’n ghréin ghil, Theid mise le sùrd Do ’n Chamus a nùll A choimhead an diùlnaich thréin ud. Bho ’n a tha mise ’s an ám Le tinneas gle fhann, Is mi cadalach, trom, gun spéirid, ’S nach cinnich leam dàn, Is m’ intinn fo phràmh, Guidheam beannachd gu bràth nach tréig dhuit. [TD 126] ORAN A’ MHATHAIN. LE AILEAN MAC DHOMHNAILL. O, gur fann tha mo cheum Leis cho gann ’s a tha ’n spréidh; Ma ni mi gluasad ’nan còir Bidh an tòir as mo dhéidh. Fhuair mi sanas ’san uair Gu ’n robh ’n Dùgh’lach mu ’n cuairt Leis a’ ghunna ghuineach, ùr, Togail smùid feadh nam bruach. ’S ged a tha mi glé aosd’, ’S mi air bànadh mu’n ghnùis, Na ’m faighinn caora fo m’ spòig Dh’ fhàgainn brònach an rud’. G’ bheil an Dùgh’lach làn foill, Bidh e daonnan ’s a’ choill’, Thuit mo bhràthair fo laimh, ’S ùr a bhàs ann am chuimhn’. Saoil ma théid mi an dràsd Feadh nan aonaichean àrd’, ’M faigh mi caora no uan? O, gur truagh tha mo chàs! Mi fo chùram ’san ám, ’S mi air chùlaibh nam beann, Gu ’n tig nàmhaid mu ’n cuairt Chuireas luaidhe ’nam cheann. Is ma théid mi gu srath Ni na béisdean mo bhrath, Bidh gach sealgair ’nam dhéidh, ’S bheir iad éirig am mach. [TD 127] Far am b’ àbhaist dhomh triall, Feadh nam pàircean so shios, ’S fheudar fuireach as an dràsd No tha ’m bàs ann am bhial. Chan ’eil ìnnleachdan bàis Air an cuimhnicheadh nàmh Nach do chleachdadh ’s an tìr Gus mi fhìn chur an sàs. Ann an toiseach mo chuimhn’, Mu ’n do dh’ fhàg sinn na tuill, Bhiodh mo mhàthair ag inns’ Mu na nithean ud dhuinn. Ged tha riaghailtean mòr Ag cur duais air mo spòig, Gheibh sinn cìnntinn gun taing Feadh gach gleann agus fròg. ORAN DO CHEIT NIC DHOMHNAILL. LE AONGHAS OG MAC DHOMHNAILL, MARGAIRI AN IARDHEAS. AIR FONN—Och mar thà mi, ’s mi ’nam aonar. Buaidh is piseach air an rìbhinn Rinn an deise rìomhach dhòmhsa, Gur i òg-bhean nam meòirean fìnealt’, ’S gu bheil an tì oirre iomadh òigear. Gur i sud an deagh bhean-uasal Ni am fuaigheal gu grinn ’na seòmar, Dh’ fhàs gu beusach, banail, stuama, Gur lìonmhor buaidh air a’ ghruagaich bhòidhich. [TD 128] Ged a shiubhladh duine ’n tìr so Measg nan rìbhinnean th’ ann ag còmhnuidh, Gur tearc a chitheadh e le cìnnt ann Té cho prìseil ris an òg-bhean. Cha bhi éis no cearb ad ghnìomh-sa, ’S tu cho dianadach, glic an còmhnuidh; Ge b’ e fear a gheibh do làmhsa Air fad a làithean cha bhi e brònach. A bhith coibhneil, banail, càirdeil, Ann ad fhàrdaich, ’s e sin bu nòs dhuit; Gheibheadh coigreach àite tàimh ann, Mòran bàidh agus pailteas lòin bhuat. Gur e ainm na maighdinn uasail Mar a chuala sibh, Ceit Nic Dhòmhnaill; Chin bho na fiùrain bha fearail, stuama, ’S a choisinn buaidh ann an Inbhir Lòchaidh. An t-òigear suairce tha tigh’nn o ’n tuath oirnn, Ni e do bhuannachd, ’s e sin a dhòchas; Gheibh sinn banais bhios cridheil bhuapa, ’S cha bhi tuasaid no bualadh dhòrn ann. Bidh ann sòlas is toil-ìnntinn; Bidh ann rìbhinnean donna, bòidheach; Gu ’m bi caithream bhinn nan teud ann A’ togail éibhneis air gillean òga. Gun fhios nach faighear cearb ’nam Ghàidhlig, Bidh mi ’n dràsda a’ sgur de ’n òran, Guidhe fallaineachd dhuit is slàinte Fad do làithean, agus stòras. [TD 129] ORAN LE GILL-EASBUIG MAC DHUGHAILL, MARGAIRI. Tha e coltach ged a rachadh aig “goirteas cìnn” air Gilleasbuig a chumail bharr froilic nach b’ urrainn d’ a a chumail gun bhith a’ bàrdachd. Fàth mo mhulaid mi bhith fuireach Mullach nam beann àrda, ’S càch air cruinneachadh le cuireadh, ’S iad ri iomadh mànran, ’S mi fhìn leam fhìn an so gu tìnn Le goirteas cinn ’g am chràdhadh, Gur beag mo shùnnd ri dhol a nùll Far bheil iad cruinn a’ fràimeadh. Chan e cion cuiridh rinn mo chumail ’N diugh á measg nan càirdean Ach leann-dubh a bhith air ghur ’S air tuineachadh am nàdur; Oir fhuair mi cuireadh farsuinn, ciatach, Fialaidh, mar a b’ àbhaist Bho ’n fhear dhiadhaidh, ghasda, Chrìosdail, Nach ’eil giomh ’na nàdur. Sud an leoghann ghuineach, bhreun, Na ’n tigeadh feum air àrdan, Nach gabh giorag ’n ám na h-iomairt Roimh roinn bhiorach, stàilinn; An ám na sith a tha cho mìn Ri sìoda bhiodh an làmhainn; ’S tha fiosam fhìn, na ’n tigeadh strì Nach cìosnaicht’ iad le nàmhaid. ’S iomadh nighean bhóidheach, chridheil Tha ’nan suidhe ’n dràsda, ’S iad a’ mire ris na gillean Mar is minig bhà iad; [TD 130] Iad gu toilicht’ air a’ fhroilic Cumail conais gràidh ris, Na gillean òga tha le dòchas ’G iarraidh, “Seall dhomh ’m fàinne.” Bha mis’ uair ’s bu mhór mo spéis Do thé, no té no dhà dhiubh, Ach bho ’n a chaidh mi nis bho fheum ’S ann ’s fheudar domh le m’ nàire Bhith toirt mo chùil ri àit ’m bi sùnnd, Bho ’n dh’ fhalbh mo shùrd ’s mo mhànran, ’S bho ’n theann an aois a nall ri m’ thaobh, ’S a chaochail i mo nàdur. Nuair a bha mi ’nam ghill’ òg, Bu ghòrach mar a bhà mi, ’N dùil gu’m maireadh neart is òige, Orain is ceol gàire; Ach an diugh gur ann is léir domh Bho ’n a thréig mo shlàinte, Gu bheil gach aon a’ dol a chaochladh, ’S nach teid aon duin’ fhàgail. ’S còir domh nise thoirt fa-near An t-anam chaidh a chàradh Air mo chùram gus a ghiùlan Glan a dh’ ionns’ mo Shlànuigh’r; ’S a bhith ’g ùrnaigh ri mo Chruithear Ré na h-ùine gheàrr so, E Fhéin ’n a Iùl-fhear os mo chionn ’G am ghiùlan stigh gu Pàrras. Ach Iain Ruaidh, na biodh ort gruaim, Ged nach d’ fhuair mi ’n dràsda Dol measg nan uaislean tha gu h-uallach Ag cur suas an fhràim dhuit; Ach guidheam piseach, mic, ’s deagh rùn A bhith gu dlùth ’nan nàbuidhean Dhut gach bliadhna gus an triall thu, ’S Dia a bhith ’nad fhàrdaich. [TD 131] ORAN A’ BHATA. LE GILLEASBUIG MAC DHUGHAILL. Gur e mise th’ air mo champadh, Oidhche Shamhna, ’s mi aig baile, ’S mi ri cumha mo bhàta Tha ’n a chlàir aig an abhainn. ’S mi ri cumha mo bhàta Tha ’n a clàir aig an abhainn, Le obair nan gàrlach, ’S cha do phàigh iad e fhathast. Le obair nan gàrlach, ’S cha do phàigh iad e fhathast; Mur a faigh mi e ri ùine Theid mi nùll do an bhaile. Mur a faigh mi e ri ùine Theid mi nùll do an bhaile; Theid an siorram air ghluasad, ’S ni e ’n cuartachadh ealamh. Theid an siorram air ghluasad, ’S ni e ’n cuartachadh ealamh, Ni Mac Eachainn an dìteadh, ’S theid ’s a’ phrìosan an sparradh. Ni Mac Eachainn an dìteadh, ’S theid ’s a’ phrìosan an sparradh, ’S mur a diol iad a fiach dhomh Bidh iad an iaruinn ri ’m maireann. ’S mur a diol iad a fiach dhomh Bidh iad an iaruinn ri ’m maireann, Chionn gu ’n d’ bhrist iad mo bhàta, ’S gu ’n d’ fhàg iad mi falamh. [TD 132] Chionn gu ’n d’ bhrist iad mo bhàta, ’S gu ’n d’ fhàg iad mi falamh; ’S iomadh oidhche fhliuch, fhuar, Chaidh mi suas leat an abhainn. ’S iomadh oidhche fhliuch, fhuar, Chaidh mi suas leat an abhainn, Thu a’ snàmh dhomh cho aotrom Ri faoileag na mara. Thu a’ snàmh dhomh cho aotrom Ri faoileag na mara, ’S a ràinig mi cheàrdach Aig Dòmhnall, mo charaid. ’S a ràinig mi cheàrdach Aig Dòmhnall, mo charaid, ’S tric a bhà ainn aig iasgach Aig iochdar an fhearainn. ’S tric a bhà sinn aig iasgach Aig iochdar an fhearainn, Mi fhìn agus Pàdruig, ’N Gille Bàn, is Iain Chaluim. Mi fhìn agus Pàdruig, ’N Gille Bàn, is Iain Chaluim, ’S a rinn sinn leat airgiod A’ marbhadh nam bradan. ’S a rinn sinn leat airgiod A’ marbhadh nam bradan, Gur e mis’ tha fo mhìghean ’S mi leam fhìn air an t-Samhainn. Gur e mis’ tha fo mhìghean ’S mi leam fhìn air an t-Samhainn, ’S nach faigh mi gu m’ chàirdean A tha tàmh thar na h-Abhainn. [TD 133] ’S nach faigh mi gu m’ chàirdean A tha tàmh thar na h-Abhainn, ’S iad a ghabhadh mo phàirt Nuair bhiodh càch orm a’ fanaid. ’S iad a ghabhadh mo phàirt Nuair bhiodh càch orm a’ fanaid, ’S truagh nach mise bha làimh ris An tràill rinn an damage. ’S truagh nach robh mise làimh ris An tràill rinn an damage, ’S bhiodh Murphy ’s Mac Phàrlain Air an smàladh ri talamh. ’S bhiodh Murphy ’s Mac Phàrlain Air an smàladh ri talamh, Ach ma bhios mi ’nam shlàinte Ni mi bàta math fhathast. [TD 134] CUMHA do BHEAN IAIN MHIC DHOMHNAILL (Mac Chaiptein Ailean) a chaochail air an 16mh latha de ’n Earrach, 1899. LE GILLEASBUIG MAC DHUGHAILL. Séist— Ho ró, ra il ó, na Och nan och, ’s mi fo éislean, Gu bheil mis’ air mo sgaradh, A Sheonaid Chaluim, bho ’n dh’ eug thu. Chan e òr, chan e earras, Cha chrodh, cha ghearrain, ’s chan àirneis, Ged a chaillt’ iad ’san Earrach A chuir mo ghalar an dràsd orm. Chan e sud tha mi gearan Ach mo bhanacharaid shàr mhath, Bean chliùiteach Iain Ailein, Seonaid Chaluim ’ic Phàrlain. Mi ’n am shuidh’ air an tulaich, ’S mi ri tuireadh ’san ám so; Dh’ fhalbh mo shùgradh bhuam buileach, Is thainig mulad nach gann orm. ’S beag an t-ioghnadh do chuideachd Bhith fo mhulad ’s gach ám dheth, Bho ’n a chuireadh an ulaidh An ciste chumhainn, ’s b’ e ’n call e. Fhuair iad losgadh am bliadhna, Sud an diachainn bha cràiteach, Ceann na céille ’s na riaghailt, Làmh na fialachd ’s a chàirdeis, Mar sin is cridhe neo-spiocach, Agus biataiche sàr-mhath, Bhith ’s a’ chadal throm, shiorruidh, ’S goirt a riab sud do chàirdean. [TD 135] Tha do chompanach truagh dhe, ’S a chuailean air bànadh, Bho ’n a chuir e ’san uaigh thu, Bhean a b’ uaisle gnàth’chadh; Bha e roimhe so uallach Fhad ’s a ghluaiseadh tu làimh ris, ’S mór a dh’ àrdaich e uaisle ’N latha fhuair e air làimh thu. Nuair ghlac e còir bho an chléir ort ’S iomadh eud bha ’san ám ris, Oir b’ ainneamh bean t’ eugais, Do cheutaibh, ’s do bhaindeachd; Bha cliù, maise, ’s deagh bheusan A co-sthreup anns gach ám riut, ’S mór an cliù thug a’ chléir ort Nuair a leugh iad ar call-ne. Tha do nìghneagan deurach, ’S iad fo éislean an còmhnuidh, ’S beag an t-ìoghnadh dhomh fhéin sud Bho ’n a dh’ eug thusa, Sheònaid; Laigh smal air an léireinn Agus thréig an cuis shòlais, Chaill iad iuchair na gléidhteachd Chùm ri chéil’ iad gu dòigheil. Bu leat urram na h-uaisle, ’S e do ghluasad bha stòlda, ’S ann dhutsa bu dual sin, ’S òg a fhuair thu deagh fhòghlum. ’S e do chainnt bhith cho stuama, ’S do bhuadhannan sònraicht’ A chuir ìslean is uaislean A’ luaidh air do chòmhradh. Thainig dìth air an fhàrdaich Far am b’ àbhaist dhuit còmhnuidh; Dh’ fhalbh as mùirn is ceol gàire, Thainig ànradh is bròn ann. [TD 136] Bho ’n a chrìochnaich do làithean ’S a chàireadh fo ’n fhòd thu, C’ àit am faic mi bean t’ àilleachd Chuireas fàilte cho còir orm. Fhad ’s a shiùbhlas a’ ghrian, Dol an iar mar is àbhaist, Bidh cuimhn’ air do ghniomhan, Do chiall is do mhànran. Cha leig mis’ thu air dìochuimhn’ Gus an triall mi ’n déidh chàiche, ’S bidh mi ’m ùrnuigh ag iarraidh dhuit Fois na siorrachd am Pàrras. [TD 137] AN INNIS AIGH. LE AONGHAS MAC GILL-FHAOLAIN, EILEAN MHARGAIRI. Seinn an duan so do ’n Innis Aigh, An innis uaine as gile tràigh; Bidh sian air uairibh Ag cath gu cruaidh ris, Ach ’s e mo luaidh a bhith ann a’ tàmh. C’ àit an tràith’ an tig samhradh ciùin? C’ àit an tràith’ a thig blàth air craoibh? C’ àit as bòidhche An seinn an smeòrach Air bharr nan ògan? ’San Innis Aigh. Rogh’ na h-ianlaith e thar gach àit, Tha gach sion ann gu ’m miann a ghnàth; Air teachd do ’n t-samhradh ’S e leotha ’s annsa Nuair thig an t-ám a bhith ris an àl. Tiugainn leamsa a thun na tràigh ’San fheasgar chiùin-ghil aig isle làin, Is chi thu ’m bòidhchead, ’S an liuthad seòrsa De dh’ eòin tha còmhnuidh an Innis Aigh. A’ ghrian ag éirigh ’s a’ mhaduinn chiar, A’ dearrsadh éibhneis ’n a ceum do ’n Iar, Le gathan blàthmhor, ’S le boillsgeadh àghmhor, Bidh a ciad fàilt’ air an Innis Aigh. An t-iasg as fiachaile, dlùth d’ a thràigh, Is ann m’ a chrìochan is miann leis tàmh, Bidh gillean iasgaidh Le drogha ’s liontan Moch, moch ’g a iarraidh mu Innis Aigh. [TD 138] Nuair bhios na cuantan fo luasgadh trom, ’S a’ ghaoth le nuallan a’ ruagadh thonn, An long a’ diosgan Fo chruas a diachainn, Bidh fiath nan ian ann an Innis Aigh. Ged theid mi cuairt thun an taoibh ud thall, ’S mi ’n dùil air uairibh gu’m fan mi ann, Tha tàladh uaigneach Le teas nach fuaraich ’G am tharruing buan do an Innis Aigh. Gearr an ùine gu ’n teirig là, Thig an oidhche is iarrar tàmh, Mo chadal buansa Bidh, O cho suaimhneach, Mo bhios mo chluasag ’san Innis Aigh. [TD 139] AN DOMHNALLACH URRAMACH LE AONGHAS MAC GILL-FHAOLAIN. Séist— ’S e ’n Dòmhnallach urramach An seòladair curanta, A thainig òirnn thar sàile, ’S gu ’m ’b fhearr leinn gu ’n d’ fhuirich e. Ged bha ’n t-side reòta, ’S an deigh ’s a’ chaol, gu leòir dhi, Gu ’n d’ thainig thu ’s a’ gheòla Gun seòl gus do chuideachadh. Nuair chuir thu air an t-sàil’ i, ’S a shuidh thu le da ràmh oirr’, Bha h-aisinnean a’ rànaich Nuair thàirngneadh tu bhuill’ oirre. Gu ’n d’ shaoil leam nach do chuartaich I ’n Rudha nuair a chuala mi Sloistreadh aig na stuadhan ’G a bualadh nuair a thumadh i. ’S tu fhéin a rinn domh fuasgladh Nuair bha mi anns a’ chruaidh-chas, ’S a thàinig thu le gual dhomh— Cha ghluaiseadh a h-uile fear. Gu ’n leig mi fios gu Bòrden Mur bhith thu gu ’n do reòdh mi, ’S mur cuir e chugad sòbhran Cha bhòt mise tuilleadh leis. Riamh o ’n fhuair mi d’ eòlas Gu ’n robh sinn daonnan còrdte, Ged ’s tric a bhitheamaid còmhla ’S a dh’ òlamaid drudhagan. [TD 140] Na ’n d’ rinn thu còmhl’ rium céilidh, Bhiodh againn pailteas leughaidh An Gàidhlig is an Beurla, Gu ’n téid mi an urras dhuit. Nuair theannamaid ri còmhradh Bhiodh againn caithream spòrsail, ’S ’na dhéidh sin bhitheadh òrain Mar cheòl dhuinn, is luinneagan. Cha leig mi chaoidh air diochuimhn’ Gach coibhneas sheall thu riamh dhomh, Gus an laigh mo ghrian, ’S an tig crioch air mo thurus-sa. Gu bheil mi ann an dòchas Nach fada gus am pòs thu, ’S gu ’m faigh thu ’n té as bòidhche Tha beò measg nan cruinneagan. Cha ghabh thu té bhios leòmach, No idir té bhios ròpach, No té a bhios ’na deòraidh, Gun treòir gus do chuideachadh. ’S gheibh thu té bhios dàicheil, Bhios leathan, fallain, làidir, Is ged nach biodh i àrd ’S ann as fhearr anns an tubaidh i. Té a ni do bhiadh dhuit Gu h-ullamh, ealamh, iasgaidh, Nuair thig thu stigh o ’n iasgach, ’S a briathran cur furain ort. [TD 141] FAILTE NA H-AIMSIR DO D. D. LE AONGHAS MAC GILL-FHAOLAIN. Gu ’n robh agad Nollaig chridheil, Is nuair thig i, a’ Bhliadhn’ Ur A bhith giùlan iomadh beannachd A ni leanachd riut gu dlùth; Móran cuid a bhith fo ’d riaghladh ’S tu le riaghailt air a cheann, A’ toirt fuasglaidh do na feumaich Nuair bhios iad ’nan éiginn teann. ’S coltach sinn ’nar cuairt ’san fhàsach Ris an luing air bharr nan stuadh, Uair ’ga h-iomain anns a’ ghàbhadh, Uair mar eala bhàin ’na suain; Uair ’ga liodairt anns an an-shid’, Crith air anam na th’ air bòrd; Uair a’ siubhal réidh gu caladh, ’S iollach chaithream aig a seòid; Uair a’ dlùth’chadh air na creagan, Diultadh freagairt thoirt d’ a stiùir, Beinnean beucach bras ag éirigh Bagairt léirsgrios air a’ chriù. Amhuil sin is mar tha sinne, Gheibh sinn tilleadh garbh air uair, Ach ’nar dòchas bidh sinn làidir Gu ’m bi leinn am màireach buaidh. [TD 142] FREAGAIRT DO DH’ ORAN AN TOMBACA. LE AONGHAS MAC GILL-FHAOLAIN. Séist— Tombaca na smùid, ’g a mholadh as ùr, ’S e dh’ fhàg mi gun sùnnd, ’s cha neònach e; Tombaca na smùid, ’g a mholadh as ùr. Tombaca neo-bhlasda, ged bhiodh agam sac dhe, Gur mise nach blaiseadh air òirleach dhe. Na duilleagan sgaiteach, gu teann air am pasgadh, Gur tric iad cur aiceid ’s na h-òigearan. Fear cha bhi buidheach, gun phasgan de ’n luibh ud, Fo fhiaclan buidhe, ’s cha bhòidheach iad. Cha bhi e ’san fhasan gun phìob ’n a phoc-achlais, ’S an spliùcan tombaca bhith còmhla rith’. Ged tha cuid anns an dùthaich an dràsda toirt cliù air Gur trom tha e spùilleadh am pòcannan. Ma ni mise tachairt ri pàirt dhiubh ’s e aca, Maoidhidh mi racaid ’s an t-sròin orra. Tha bodaich na sgrìre ro-dheiseil da rìreadh, Gu tairgsinn na pìoba do ’n òigridh. ’S tric luchd an tombaca gun bhiadh ’s iad air acras, Gun aodach, gun chaiseart, gur brònach iad. ’S truagh nach robh cìs air braidean tri fìllt’, ’S nach faighte lan pìob’ ’s a’ mhòr-roinn dhe! Gu ’m faighinns’ am bàs na ’m faicinn an tràths’ Na cailleachan cur charge ’n an srònan dhe. (Air-son “Tombaca Iain” faic taobh duilleig, page 72). [TD 143] FREAGAIRT O FHEAR AN TIGH-SHOLUIS. LE AONGHAS MAC GILL-FHAOLAIN. Gu ’n robh piseach air do cheann Agus soirbheachadh le d’ pheann: Thug am post’ an diugh dhomh nall Do litir teann ’na achlais. Chan e airgead, chan e òr, Chan e pailteas ann an stòr Dh’ fhàg mo shòlas nis cho mòr, Ach t’ òransa, mo charaide. Ged a bha mi slaodach, trom, ’S mi gun ghean, gun toirt am chom, Nuair a thog ’s a sheinn mi d’ fhonn Gun d’ fhalbh mo ghreann is m’ athaiseachd. Rinn thu luaidh air àird’ mo chliù, Seinn mu m’ mheas, mu m’ chiall, ’s mu m’ thùr, Ach tha teagamh ann co dhiùbh Gu ’n ruig do bhiùthas fhathast orm. Ionndrainn air an laoch, ma ’s fior, Có a chual a leithid riamh! ’S ann thug daoine taing do Dhia Nuair thriall e as an sealladhsan. Biodh aig càch an cluichean faoin Chur an cianalais ma sgaoil, Seinnidh mise fear mo ghaoil, An t-òran aoidheil, caithreamach. Airde m’ fhiachan dhut ’san ám, Chan fhiach mise chur an cainnt; Cha dean briathran inns’ ach fann, ’S cha bhiodh domh ann ach amaideachd. [TD 144] Guidheam dhut gu ’m faigh thu té Chumas tigh dhut òrdail, réidh, Té a dh’ chuallaicheas dhuit spréidh, ’S ma ’s fheudar e, ni calanas. Té a sheinneas binn dhut ceòl, Té le còmhradh binn a beòil Chuireas leis a’ ghaoith do bhròn Mar sgaoileas ceò na maduinne. Thig do ’n Eilean, tog do cheum, Maduinn fhiathail ann am May, ’S bidh thu bhos mu dhà-uair-dheug, Ma dh’ éireas tu ’s a’ chamhanaich! Is ma thig thu ’m bliadhna nall, So mo làmh nach bi thu ’n call, Is gu ’n cuir mi fhéin riut geall Gu ’n tig thu d’ dheann an ath bhliadhna. Gu ’n robh ’n t-slighe dhutsa rèidh Air gach taobh an toir thu ceum, ’S nuair ni ’n t-Eug do chur bho fheum, Gu ’n teid thu ’d leum do Fhlathanas! (Air-son “Oran do dh’ Fhear an Tigh-sholuis, faic taobh duilleig, page 88). [TD 145] CUMHA do IAIN MAC GILL-IOSA, MARGAIRI AN IAR-THUATH, 23 bliadhna dh’ aois, a chaidh a mharbhadh anns an obair iaruinn an Glaschu Nuadh, an ám a’ Chogaidh Mhóir. Le BEAN ALASDAIR MHIC GILL-IOSA, am Bràighe na h-Aibhne. Séist— Hoirionn ho hi ri rì o, Hoirionn ho hi ri rì o, Hoirionn ho hi ri rì o, Gur a tùrsach a thà sinn. ’S tim dhomh teannadh ri duanaig A chur seachad mo smuairein, Dh’ innseadh beagan mu d’ bhuadhan, Agus uaisle do nàduir. Thainig sgeula neo-thaitneach Oirnn a nuas á New Glagsow, Gu ’n d’ rinn iaruinn do thrapadh, Chuir am pasgadh a’ bhàis thu. ’S ann air maduinn Di-dòmhnaich Chaidh sinn coinneamh do thòrraidh, ’S iomadh diar chaidh a dhòrtadh Le luchd-eòlas is càirdean. Gu bheil t’ athair fo smalan Thu bhith ’n càradh ’san talamh, An té dh’ àraich thu ’d leanabh Bhith ’na laighe ann làimh riut. Tha do pheathraichean cianail ’Gad chumha, ’s tu b’ fhiach e; Bu mhór an taic aca riamh thu Deanamh gniomh an deagh bhràthar. [TD 146] Bha thu iriosal, uasal, Bha thu faighidneach, suairce, Chan fhacas riamh gruaim ort, No an tuasaid ri càcha. Nuair a bhiodh tu measg dhaoine, ’S e do nàdur nach caochladh, Ged bhiodh pàirt diubh fo chaonnaig, Bhiodh ort aoidh is fiamh gàire. ’S e bhith coimhead do bhòidhchead Ann an ciste nam bòrdaibh Thug an cuimhneachan bròin dhuinn Nach gabh fògradh gu bràtha. Cha dean òran no rannan, Do thoirt dh’ ionnsuidh na dachaidh; Guidh’maid sòlas nan aingeal Bhith aig t’ anam am Pàrras. [TD 147] ORAN LE DONNCHADH MAC GILL-FHAOLAIN, ABHAINN MHARGAIRI. Chaidh cas a’ bhàird a dhochann gu dona air thailleamh craobh a bha e leagail a dhol gu mi-fhortanach an sàs. Bha co-fhaireachdainn mhóir aig na càirdean is aig na coimhearsnaich ris ’na thrioblaid. Bha, a rithist, lighichean Tigh-eiridinn Antigonis glé choibhneil ris. Is e am blàths agus an coibhneas a chaidh a nochdadh dhà air gach taobh a dh’ aobharaich an t-òran. Gur mise tha fo phràmh dhe O ’n dh’ fhàs mi gun spéirid; ’S i chas a chaidh an sàs Rinn mo chràdh is mo léireadh; Bha chraobh a chaill a cùrsa Cho dlùth as mo dhéidh-sa ’S gu ’n d’ bhuail i mi fo ’n ghlùin, ’S tha mi ciùirrte ’na dhéidh sin. Ged rinn i mise chràdhadh Cha b’ àill leatha éirigh; ’S ann a rinn i laighe làimh rium ’S mo smàladh fo geugan; Cha deanadh e bonn stàth dhomh Ged chàininn gu réidh i, ’S ann b’ fheudar fuireach sàmhach Fo chràdh lot na beiste. Gu ’n d’ leig mi fios gun dàil Gu mo chàirdean mu m’ éiginn, Is thainig iad gu bàidheil, Toirt slàint’ gus léigh dhomh; Nuair chunnaic iad mar bhà mi, ’S an cràdh a’ toirt céill’ bhuam, ’S ann chuir iad mi gu sàbhailt’ Gu fàrdach nan creuchdan. [TD 148] Nuair ràinig mise ’n t-àite Gu ’m b’ àluinn leam fhéin e, Na lighichean a b’ fheàrr ann Toirt bàrr air a chéile; Bha fear dhiubh do Chloinn Iosaig Thog m’ ìnntinn bho éislean, Cha leig mi dhiom gu dìlinn Cho prìseil ’s tha bheusan. Ghluaiseadh e mar mhaighdinn, ’S e coibhneil ’na chòmhradh; Gach neach a’ deanamh faoilte Ri aodann an còmhnuidh; Tha aigne agus aoidh leam Ro-chaomhail, neo-leòmach; ’S ged ’s math a ni e ghniomh Chan ’eil friamhag do bhòsd ann. Cha teid mi idir seachad Air Mac Phearsain, cha bu chòir domh; Bu dùthchas dha o athair Mòran caithannachd is tròcair; ’S i chraobh ’s nach robh crionach As na fhreumaich e ’na ògan, ’S ann coibhneil, ciatach, maiseach, Bha gach neach a bha dhe sheòrsa. Chan fhàg mi gun iomradh air Mac Fhionghuin as a’ chòmhlan, Gur mi nach cuireadh teagamh ann, Cha fhreagaireadh sin dhòmhsa; Gur esan com an eireachdais, Cha bheirear air an dò-bheairt; ’S a chridhe fialaidh, soilleir Nach cuir coire far nach còir dha. Ach bidh mi fàgail beannachd Air na fearaibh a chum beò mi, ’S mi ’n dòchas nach bi fada Gus am bi gach fear dhiubh pòsda, ’S gu’m faigh iad fhéin na leannanan Bu mhath leo a bhith còmh’ riu, ’S gu’m bi gach sìth is beannachadh ’G an leanailt fhad ’s is beò iad.