[TD 1] ORAIN FUINN IS CLADAICH GAELIC POEMS AND SONGS BY MURDOCH MORRISON [TD 2] [Bàn] [TD 3] ORAIN FUINN IS CLADAICH GAELIC POEMS AND SONGS BY MURDOCH MORRISON (Murchadh Choinnich Bhàin) Ferguson’s Lake, Cape Breton PRINTED FOR ALEX. FINLAYSON, GRAND RIVER, C.B. GLASGOW: ALEXANDER MACLAREN & SONS, 360-362 ARGYLE STREET, C.2. 1931. [TD 4] Printed and Bound in Scotland by Alex. MacLaren & Sons. Special Gaelic and English Printing of all kinds done. [TD 5] CONTENTS Introductory Note, 7 Oran do Rob Mac Amhlaidh, 9 Bodach nan Stearnan, 13 Oran nan Each, 14 Oran do Dhomhnull Mac Cusbuig 18 Oran air Gainne an Fheoir, 20 Oran, 22 Na h-Iasgairean, 25 An Dreoideag (The Martha B), 27 Rannan mu Pholitics, etc., 28 Oran Taghaidh, 30 Muc Thormoid, 33 Oran, 36 Calum agus a’ Chearc, 38 Eilean an Tobain, 39 Oran, 40 Oran Suiridhe, 42 Rannan do Chairdean Oga, 43 Oran d’a Nighinn, 46 Oran do dh’ Anna Chamshron, 47 An t-Aonadh (?), 50 Rannan do’n Urr. Lachuinn Peuton, 55 Da Dhan Spioradail, 56 Comhairle do’n t-Seann-Duine, 60 Marbhrann d’a Mhnaoi, 63 [TD 6] [Bàn] [TD 7] NOTE MURDOCH MORRISON, the son of Kenneth Morrison (Coinneach Bàn Iain ’ic Fhionnlaigh) and Margaret Mac Cuspic (Mairghread nighean Iain ’ic Chaluim) was born at Bernera, Harris, in 1842. When he was about nine months old, the family emigrated to Cape Breton Island, and settled at Ferguson’s Lake, where has ever since been the bard’s home. When he was about thirty-three years of age, he married Christine Ferguson, daughter of Angus Ferguson (Aonghas Og). He fished on the Grand Bank twenty-four summers, and there he composed a number of his songs. The pieces which make up this small volume were written to the author’s own dictation, in October, 1928, and in May, 1929. They include the best of his poetical compositions. They are now printed for distribution among his acquaintances, who will be glad to have this souvenir of Murchadh Choinnich Bhàin. Besides, it is hoped that their publication will help to preserve our dear old Gaelic language in these districts. GRAND RIVER, C.B., July, 1929. [TD 8] [Bàn] [TD 9] Gaelic Poems and Songs ORAN DO ROB MAC AMHLAIDH. Feasgar gruamach dhuinn air chuan, Air chuairt a dh’ ionns’ nan “Rocks,” Chunna mi ’n dory air fuaradh, ’S cha robh sgial air Rob. Dh’éirich mo chridhe gu làidir, Ged tha, cha b’ann gu olc; ’S chuir mi oirre mo chuid ràmh, ’S gu’n shàbhail mi e snog. Chuir am Frangach làmh m’a cheann, ’S mi fhéin mo làmh fo ’chorp; Bha na lineachan gu teann Air tangladh m’a dha chois. Thug mi spring air a bha làidir, Bha e ’n àird’ mar throsg, O, gu dearbh cha b’aobhar ghàire Bhi ’san stern ag coimhead Rob. Nuair a chaidh am baiteal seachad, Cha robh guth air haggles* Rob; Iad a’ floatadh feadh a’ chuain, An itean bòidheach bog. * Perhaps a corruption of the word “hagdon,” a name given to some species of shearwater members of a family which includes shearwaters, fulmair and petrels. [TD 10] ’S ann a dh’ fhoighneachd mi gu gruamach “Gu dé fhuair thu’n nochd?” Thubhairt e, “Coma leam de d’ stòraidh, Falbh gu bòrd ’s mi bog.” ’S ann thubhairt Sammy gu math gruamach, “ ’S tu tha fuar, a sheòid, Cuiridh sinn thu do an leabaidh ’S drathais ort de chlòimh.” ’S ann a dh’eubh an Caiptean* cruaidh ris, “Thig a nuas, a sheòid, Thòir dhòmh-sa pull air a’ bhig halyard, Fiach an set an seòl. ’S ann Thubhairt Robbie bochd an uair sin, “ ’S beag tha thruas a’d’ fheòil, Nuair bu chòir dhuit tighinn gu m’amhradh, † ’S branndaidh ’na do dhòrn.” “Ach ma gheibh mi ’m bliadhna dhachaidh, Gu Bank cha tig ri m’ bheò; Ged a thadhladh an St. Peter’s H-uile duin’ tha beò. ’S ann a bhios mi aig a’ chladach, ’Dol a mach le trawl; ’Dol ’ga h-iarraidh tìde breagh, ’S cha tig sion am chòir.” Tha thu ’deanamh aig a’ bhaile Nach tig dad ad chòir; Chan eil thu ’creidsinn anns an Sgriobtuir Seasmhach mar bu chòir. * MacAulay’s half-brother, Capt. William Matheson, Province-town. † Amharc. [TD 11] Air muir ’s air tìr ’s gach àit am bì thu, Tha gach ni air dòigh; ’S ma tha do làithean air an sìneadh, Tha iad sgrìobhte, ’sheòid. ’S mur biodh tu agam a’ dol dhachaidh, Gu’m bithinn-sa fo bhròn, Bhithinn a’ smaoineachadh gu galach Gach rann rinn mi le spòrs. Ge b’ann air watch na h-oidhche, Gaoir a’ tighinn ’nam fheòil, Gu’m faicinn thu air an taffrail, ’S haggle ’na do dhòrn. ’S gu’m faicinn thu air an taffrail ’S haggle ’na do dhòrn, ’G eubhach “Fhoir dhòmhsa grùthan, Seall an grunn dhiubh, ’sheòid.” ’S ioma gin a thug mi dhachaidh ’M falach fo an ròd, Nis o’n thionndaidh mi am Bhaisteach, Cha ghlac mi dhiubh an còrr.” Na’m biodh fios an nochd aig Magaidh, Mar a tha do dhòigh, Bhiodh i ’g ùrnuigh air a glùinean, Chionn gu bheil thu beò. Bhiodh i ’g eubhach ris a’ chaillich “Teann a mach o’n stòbh, Ach* an can sinn facal toilicht’, ’S Robbie againn beò.” ’S ged a chaidh an sàl ’nad amhaich, Bidh tu math gu leòir * Fiach or dh’fhiach. [TD 12] Glanaidh e thu mar an siabunn ’S bidh tu briagh ri d’ bheò. Chan eil éildear anns an àite Nach gabh gràinn dhe d’ dhòigh, Chionn gu’n thionndaidh thu ’nad Bhaisteach, Airson carcais eòin. ’S ann thubhairt Robbie ann an Gàidhlig, “An duine as fhearr th’air bòrd, O, ’s e Murchadh Choinnich Bhàin e:— Shàbhail e mi beò. Ged ’s e Earragach a th’ ann A chross an nall am ’pòn,’ ’S docha leams’ e aig gach àm Na Aillseach a th’air bòrd.” ’Sann an uair sin a thubhairt Sammy, “Tha nàir orm mu do dhòigh, Ag cur sìos air luchd do dhùthcha, ’S grunn dhiubh ’n so air bord.” ’S ann a dh’éirich Rob an uair sin, ’S dhùin e cruaidh a dhòrn, “Sud mo charaid-sa gu bràth Oir shàbhail e mi beò,—” “O, bidh mise ’ga do leanntainn, Fhad ’s a bhios tu beò.” Tha mi smaoineachadh gach àm, Nach call a tha ’n siod dhomhs. Chan fhaca mi riamh air gruaman Tìde fuar, no ceò; Na bha dh’uallach air a cheann Gu’m bitheamaid gann de’n fheòil. The Grand Bank, 1881. [TD 13] BODACH NAN STEARNAN. Bodach nan Steàrnan ’s e ’n lad a bha ann, E’ falbh feadh nan còbhan le Dòmhnull air làimh, ’S e ’g innseadh mar ghlacadh e ’n rabaid gun chall, ’S nach iarradh e springer no nì ’dheanadh streang. ’Nuair thàinig e ’n toiseach, ad bheabhair m’a cheann, Gu’n do shaoil iad an uair sin gu’m b’uasal a bh’ann, E’g innseadh cho milis ’m fear sgile a bh’ann,— Gu’n leighiseadh e’n lòinidh air daoine móra ’s air clann. ’Nuair thug e fad seachduin air spaidsireachd ann Bha’n t-am aige shifteadh—bha ’dheiseachan gann; ’Se aodach le Dòmhnull a thug-Seònaid ’na làimh; Chan fhaic thu rid’ bheò e, ’s bu ghòrach do cheann. Bha Dòmhnull ’sam Bodach glé fhada ’nan tàmh, A’ measgadh nan stuthan ’s ’gan cur air an tràigh; Thu’ fasdadh gach duine gu spioladh nan cnàmh; ’Nuair dh’fhalbh am Bodach bha t’obair gun stàth. Chan eil rowdy air thalamh ’bhios fada ’na thàmh Nach dean e ort stiùireadh, tha mi ’n dùil, air son tàimh, Gu ruige Frangaich na Frainge fo’n Phàp; Tha fear dhiubh ’sa mhuileann cho dubh ri ‘Thanase. Chan eil obair air thalamh anns nach bì thu an sàs, ’Nad chaiptean air schooner, ’s gu’m b’urramach e. O bhaile gu baile, ’s o àite gu àit, ’Se gale mór August ’chuir a sròin air an tràigh. [TD 14] ORAN NAN EACH. An t-each mór a th’aig mo nabaidh, Each as fhearr a th’anns an dùthaich; Tha e dileas ann an tarraing, Backadh chan eil ann, tha duil leam, Siod am fear a chuirean an spìd air Nuair a gheibh mi na cruidhean ùr’ air; ’Se driveadh nighean an Fhìdhleir Feadh na sgìre dh’ fhàg e crùbach. Thachair i ris aig a Phassage, Thàinig lasadh as a shùilean; Nuair a sheall i air a’ mhogais, Fo an bhoineid dh’ fhàs i gnùgach; “Ma’s e so a chuir mi dhachaidh ’S beag ma thlachd a dhol gu’r n-ionnsaidh; B’ fhearr a bhi ’san t-’sylum Na bhi aig Oighrig ’gam rùleadh.” Nuair thig i dhachaidh mu shamhuinn, ’S barail leam gu’n dean sibh pòsadh; Tha mi ’n dùil gu’n cuir thu dàil ann, Gus am faigh mi ’n làir an òrdan. Mur a fan thu ris a’ Bhashaw Falbhaidh mile m’ chois do’n chomhlan; Gheibh mi ride o Dhomhull Thormoid, O’n tha mi earbsach as an còmhnuidh. Chan fhan mise ri do Bhashaw, Tha mi fadalach gu leòr ris; Tha mi ’plocadh ri da-fhichead, ’S math mo mhisneach dol a phòsadh. Fhuair mi courage gu’n do dh’fhalbh mi, O’n chuala mi mu Fhearchar Dhomhnuill;— Gu’n d’ thug e bean as an “Dominion,” ’S e ’cantainn nach misde ’dhòigh e. [TD 15] Nuair leigeas Domhnull a mach i, Sud na casan a bhios siùbhlach; Cha mhór gu’m buail iad ris an talamh; Chi thu ’n gravel ’falbh ’na smùrach. Their mi fhein, “An ainm an Fhortain, Air do shocair leis na brùthaichean; Ma bhristeas i am mach ’sa ghallop ort, Ni i ’n carriage ort ’na smùrach.” ’S ann a thilgeas e mi suarach, “Chan eil ì ’gluasad an dràsda; Na’m faiceadh tu i so aig astar; Theireadh tu gu’m b’ mhath ’s na cars i. Leagadh i a brù ris an talamh; ’S bòidheach an sealladh Nic Phàil so; Chan aithne dhomh gin ’san duthaich Air an iùbhraich ’chumadh fàire.” Leigidh mise leatsa bhi braggadh, Gus am fàs mo Bhashaw làidir, O’n a chreic nu’n t-each a bh’agam, A bha tapaidh anns gach àite, ’Nuair a rachainn gu deigh chruaidh leis, Bit math cruadhach anns an harness, Ge b’e có rachadh gam ruagadh, Cha bhiodh e buailteach air m’ fhàgail. Dh’ fhalbh an t-ainm aig’ fada ’s farsuinn, ’S dòch’ gu’n cual’ iad anns gach àit e. Thàinig Murray nuas á Truro Dùil aige gu’n tugainn dà e, Latha chaidh mi null a L’Ardoise, Thòisich Iòseph orm gu làidir; Smaoinich mi na’n tugainn bhuam e, Gur ann do Ruairidh a b’fhearr leam. Nuair a gheibh sinn ann an neart iad, ’S ann againn a tha ’n class ’tha sunndach, Theid sinn chun na Lake Bige, Cuiridh sinn fios gu Mac Cùsbuig;— [TD 16] Bheir e mach le ’aodann blàr e, Ni e gàire tighinn gu m’ ionnsuidh, Ma’s e mise ’bheir a’ bhuaidh mach Cha bhi gruaman air Niall Fhionnlaigh. Théid Dòmhnull Thormoid ’na chaisean, Tillidh e dhachaidh làn àrdain; “Dh’ aithnich mise ’n dodge a bh’agad, Gu’n robh thu bound air son m’ fhàgail, Leig thu mach an ceann a chòbh e, Righ! b’e ’m boy e gu travelladh; ’Sgealbadh na deigh’ le’ chasan, ’S nach fhaicinn an rathad a chaidh e.” H-uile maise bha ri chantainn, Air mo shearrach, gu’n do dh’fhàs e:— Druim goirid, ’s casan fada, Spotag gheal ann de bhlàradh; Gu’m bi Aonghas ag cantainn “ ’S math leam gur a leam a thà e,” Tòisichidh Kenny ri growladh, ’Dol g’a phonndadh le droch nàdur. ’Illean, na bithibh ri buaireadh; Gheibh sibh uam e anns a’ gheamhradh; Nuair a thig an rathad cruaidh, Gu’n tòir sibh cuairt leis a Fhramboise. Nuair a ruigeas tu do sheanair, Their e “ ’S math leam ’na do làimh e; Ma’s ann le Aonghas a thà e, Cuir ’san stabull e, ’s na bi gann ris.” Gu’n do tharuing Coinneach, stuirt air, Fhuair e ’churrac, ’s cha bu neònach; Thubhairt e “Chan fhan mi na’s fhaide, ’G éisdeachd glagadaich do sheòrsa; Ged a bhiodh an oidhche agam, Théid mi mach a dh’ àite Dhomhnuill; Cha tig mi tuille ga d’ionnsuidh; Tha m idiumbach dhiot ’s cha neònach.” [TD 17] Sin nuair a labhras Mairghread, Leis a ’chainnt ’san robh i eòlach, “Coma leat-sa dhe do sheanair, ’S ann a tha e ’deanamh spors dhiot; Gu dearbha chan fhalbh thu idir, Ged a cheanglamaid le ròp thu; Na’n cluinneadh iad feadh an àit e Bhiodh tu nàrach mu do notion.” Nuair a bhitheas sibh ’tighinn dachaidh, Siod am fear nach cuir an éis oirbh; Sìnidh a na casan fada ’S dòcha gu’n sgap e iad a réir sin. A’ dol seachad àite ’n Fhìdhleir ’S ann aige bhios an t-sinteag eutrom; Cha bhì agad ach a stiùireadh Is an cùrsa gu’n dean e-fhéin e. Nuair sin éiridh Cairistiona, ’S i cho sgianach mar is àbhaist; “Seall an t-each a’ tighinn ’na ghallop, Cha stad na balaich gu bràth e. Tha mi ’bruidhinn riut an còmhnuidh, Gun m’ òrdan gu’n d’thug thu dhà e; ’S mur dean sud thu na’s miosa, Cha déan e idir na’s fhearr thu.” Gun bheil Tormod an taobh miugh dhiom, Chan eil cus aige ri ràitinn; Fhios aige ged rachadh e dh’fhiachainn, ’M bliadhna nach dean e m’fhàgail. Dh’ éirich athair ’s thug e sùil air, “ ’S ann agad tha ’bhrùid’ tha àluinn; Tha mi ’n dòchas ma bhios buaidh ort, Nach swap thu e mar is àbhaist.” Tha Niall Mhic Dhubhais ag cantainn, Ged nach math leis bhi ’ga innseadh, Nach ’eil dhìth air ach an tarraing, Airson an challenge a sgriobhadh. [TD 18] Ach gu dearbha ’se tha gòrach, Ma tha ’n notion ud ’na inntinn; Theid e dhachaidh air a bheatadh, ’S ni mi ’n cleas ud air na mìltean. Tha mi nis a’ dol a sgur dheth— Cha chuir mi tuille air m’ òran, Le eagal gu’n dean e diumbadh, O’n fhuair mi grunn chur comhla; Ach a dh’innseadh, dhuibh na fìrinn’, Chan eil nì ann nach eil dòigheil; Cha d’ thug mi ’ghin aca tàire, ’S bràithrean do mo Bhashaw òg ìad. C. 1893. ORAN DO DHOMHNULL MAC CUSBUIG. Dh’fhalbh an Caimbeulach ’s Mac Cùsbuig, Dheanamh cùrs’ air long Mhic Aoidh, Dùil aca gu’m robh iad eòlach; Fhuair an ceò a’ chuid a b’fhearr dhiubh. Nuair a shuidh mi aig mo shuipeir, Fhuair mi fios gu’n robh sibh sabhailt’; Nach robh uap’ ach Mac-a-Phiocair, ’G iarraidh old junk anns gach àite. Ach na’n tigeadh tu gu’m ionnsuidh, Umhlachd a dheanamh ’nam làthair, ’S mi gu’n toireadh dhuit an cùrsa, Nach biodh cùram a dhol cearr dhuit. ’S ann a chleachd thu bhi air cladach, ’M measg glagadaich nan steàrnan Ge dona ’s gu’m biodh an cùrsa Bhuaileadh tu null mu’n Tràigh Bhàin e. [TD 19] ’S ann a chleachd thu bhi ’san Eilean, ’M measg cheileagan Chloinn Aidh; Nuair a thug sinn thu gu doimhne, Dh’fhalbh do chuimhne seach mar b’àbhaist. Nuair a théid thu dhachaidh mu Shamhuinn, Coilear geal is brògan àrd ort, Theid thu null gu Domhnull mac Ruairidh, A dh’iarraidh na gruagaich a dh’fhàg thu. Tha mi diombach dhiot, a Dhomhnuill, Air son eòlais ’s beagan cairdeis, Nuair a bheireadh tu t’uile inntinn A dh’aon nighneig de na dh’ fhàg thu. Ach innsidh mise dhuit-sa ’n fhirinn, ’S caileag i tha grinn ’na nàdur; Leis a’ pheana ni i sgrìobhadh; Bheir i léine ghrinn o’n t-snàthaid. Nuair a bhìos an gnothach ’na chabhaig ’S na balaich a’ fàs làidir, Thig thu nall far am bì an seanair, Ach an dean e caisbheart bhlàth dhaibh. Their e, “Ma ni mise ’dhiultadh ’S aobhar diombaidh dhomh gu bràth e;— ’Chaitriona, c’àite bheil am bocsa? Cuir ’sa phoca ’n uigheam chàraidh.” ORAN AIR GAINNE AN FHEOIR. Air Fonn:— “Ho ir ri ill o’ bha hó, Ho ir ri ill o bha hó; Hi ri, illin agus o, Mo chridhe trom, ’s cha neonach.” [TD 20] ’Nuair a dh’ éirich mi ’sa mhaduinn, Bha e trom a’ sileadh sneachda; Chaochail ’n inntinn a bh’aig Lachuinn— Cha toireach e sgath dhòmhsa. Dh’ fhalbh mi ’s bha mi bochd ’nam inntinn, ’S ann a thadhail mi aig Sìle; ’S ann a thòisich i air grìocan “Tha sinn fhèin gun ròineag.” Smaoinich mi gu’n tillinn dachaidh, Cha robh reusan dhol na b’fhaide; Dh’fhalbh mi gu math tràth ’sa mhaduinn Sìos gu cladach L’Ardoise. ’Nuair a ràinig mi Donnchadh gnùgach, ’S ann a thòisich e air diombadh, Mu’n Election, tha mi ’n dùil, A chionn nach d’thug mi vote dha. ’Nuair a ràinig mi ’n duin’-uasal Air nach fhaca mi riamh gruaman, Thubhairt e, “Gheibh thu da chiad uam-sa, Gu’n tòir Ruairidh an còrr dhuit. “Agad a tha ’m beathach tapaidh, B’e am beud e bhi air ’n acras; Ach cha bhì e ann na’s fhaide, ’S min cho pailt ’nam stòr-sa.” ’S ann a smaoinich mise ’n uair sin, Nach robh reusan dhol gu Ruairidh; Gu’n robh ’m Fidhleir tràth Di-luain ann, Is nach d’ fhuair e ròineag. ’Nuair a shiubhail mi gach àite, Thachair Eibhinn rium ’sa chèardaich; ’S ann a thubhairt e, “Thoir an àird’e, ’S bheir sinn dha rud, bròinein.” [TD 21] ’S ann am bruthach Allt-na-Dibhe Thachair rium Domhnull Mac Fhilip, ’S an t-each dubh aig’ ann an rig A’ dol a thional feòir leis. Dh’fhaighneachd mi dheth ann an Gàidhlig “C’aite bheil thu ’dol cho tràth so?” ’S ann a rinn e lasgan gàire— “Tha mi ’dol a L’Ardoise. Smaoinich mi o’n chuir mi chuairt, Gu’n ruiginn Iain Domhnuill Ruaidh, ’S ann a thubhairt e rium, “Mo thruaighe! Thug mi uam dheth móran. “Nach fhaic thu’n tarbh agam neo-shunndach, Le chuid mhogan air a ghlùinean Uairean e a’ dol ’na lùban, Diùltadh éirigh dhòmh-sa.” O, gu’n chaill mi ’m fear a b’fhearr ’Chuireadh eireachdas air càch, ’M busheachan a chlearaidh àird Bhàsaich e làn feòla. ’S leis a h-uile rud a th’ann, ’S leis an fhiar a bhi cho gann, Feumaidh mise falbh roimh ’n àm, ’S ’nam cheann a dhol air voyage. Innsidh mise dhuibh-se,’chàirdean, Feumaidh mise falbh am màireach, Air am Willie A. Mac Kay, Is sharaich i gu leòr mi. [TD 22] ORAN. Air Fonn:— “Gur muladach sinn an so, gun duin’ idir.” Dh’ fhalbh mi ’sa mhaduinn gu Beach an Log Fhada, Ag obair air tarruing gun bhuinig* gun stàth; An àm bhi ’dol dachaidh tha ’m breaker cho carach, Gu’m feum sinn bhi tapaidh mu’n glac sinn am fàth. Gur mise tha bochd dheth cho beag ’s tha ’sa phoca, Gun ann ach a h-ochd dhiubh aig dithis am pàirt; Ma dh’innseas mi ’n fhìrinn, an rud tha air m’inntinn, Gu’m b’ fhearr leam na trì dhiubh an tea a bhi blàth. ’S mise ta brònach mu dhéidhinn da Sheòrais, ’Sa bhreaker ’nan ònrachd gun dory gun bhàt’; Cha d’fhuair sinn gu’n ionnsaidh gu’n cuala sinn “U-a,” ’S bha Seòras mo rùn gun lùth anns an t-sàl. Aonghas Dòmhnullach uasal, bu mhath air a’ chuan e, Dh’ fhalbh sinn le “Gruagach,” ’s bu luath sinn air sàl, Nuair rinn sinn am buannachd gu’n d’thug sinn mu’n cuairt i, ’S am mionaid na h-uarach, gun d’fhuair sinn iad ’n àird’. Gu’n robh mi fo uallach nach deanainn am buannachd, Iad a muigh anns na stuadhan ’gam bualadh ’s gach àit’, Nuair fhuair mi air bòrd iad, gu’n robh mi cho leòmach, An cudthrom de’n òr cha bhiodh dhomh-sa na b’fhearr. Air an t-seachduin chaidh seachad gu’n d’rinn iad rium tachairt Am meadhon a’ bhaile cha d’aithnich mi àd, Thubhairt fear dhiubh cho leòmach, “Cha téid sinn ’na chòmhradh, Bidh dùil aig’ ri horn uainn, ’s gu’n òladh e dhà.” * Gun bhuannachd. [TD 23] O’n bha sibh cho cùbach, cha dean mi ur cùmhnadh Cha bhi mi ’gur n-ionndrainn, tha crùn ’na ma laimh; Nuair dh’ fhiach mi mo phocaid bha change gu leor innt’, Na chumadh rium òl ’s botul mór ann am làimh. Cha deachaidh mi fada nuair thachair rium caraid, Ailidh MacAsguill, ’s gu’n chrath e mo làmh; ’S ann thubhairt e cho spòrsail, “Cha phass sinn an corner, Gu’m fiach sinn, a sheòid, ’m “Mac-an-Tòisich” as fhearr. Dh’ fhalbh mi gu dòigheil a sìos chun a’ chorner ’S ann thachair rium Morley ’n duine còir mar a b’abhaist, ’Sann thubhairt e cho ciùin rium, “An toir thu dhomh cunntas, Cia as tha na diùcan, dé’n dùthaich d’am buin àd?” ’Se Geancaich a th’annta, ’tamh ann am Framboise, Gu’n tig iad ’san t-samhradh, an t-àm a bhios blàth; Gu’m falbh iad ’sa geamhradh a dh’ionnsaidh na Galldachd, ’S ma bha Gàidhlig ’nan ceann, chaidh a call air an t-sràid. Ma tha thu ’g iarraidh an styleadh, ’sann air barren nam braoileag Shìos ann am Framboise, an ceann dheth as gràind’ Na’m faiceadh tu ’n ròic as an d’thàinig na seòid ud, Bhiodh ioghnadh gu leòr ort cho mór ’sa ta àd. Nuair bha mi ’dol dachaidh, gu’n cuala mi ’chailleach, Ag eubhach ’s a’ sgalaich, “Nach stad thu rium tràth; A Mhurchaidh dhuibh dhona, nach pàigh thu mo dholar. Air-neò bidh ma mhallachd’ ’gad leantuinn gu bràth.” “A chailleach dhubh, ghibeach, cha phàigh mi thu idir, Gu’n d’thug mi le m’ fhiosrachadh siod dhuit mar thà, Ma chluinneas mi ’n còrr as do ghob fhad ’s is beo thu, Bidh Alasdair Mór air an stòl ’na do làthair. [TD 24] Nuair bha mi ’tighinn seachad air cailleach mo challa, Gun cheò as an teine, no maide ’na làthair, I ’cocadh a sròine a mach troimh dhroch leòsan; Sheall mi cho rògach air gròbaig gun stàth. Och! mar tha mise, ’s mo chridhe ’ga bhristeadh, Mi ’call mo mhisnich gun caillinn an làir; I ’dol fodha cho fada, ’s gun ghrunnd aig a casan, Gun tacklaichean agam a bheireadh i ’n aird.’ Gu’n d’fhuair mi le dìchioll gu àite Mhic Iosaig, Bha gach duin’ aca sìobhalt, ’si ’n nighneag a b’fhearr; ’S ann chuir na fir chòire mo làir ann an ordan, ’S poit tea air an stòbh is an ceò aisde blàth. ’S ann thubhairt mi le facal, “Tha ’n t-àm bhi ’dol dachaidh, Chan fhan mi na’s fhaid’, tha deagh rest aig an làir”; ’S ann thubhairt an duin’-uasal, “Chan fhalbh thu, cha ghluais thu, Gur math dhuit gu’n d’fhuair thu o’n fhuachd chun a’ bhlàiths.” Ag cromadh a’ bhruthaich aig àit Iain ’ic Dhubhais, Cha mhòr nach bu thuil e, ’s bu chunnartach e; Thug mi sùil air mo ghuallainn, ’s gu’m faca mi ’n uair sin Aonghas Dòmhnullach* uasal, ’s thug e suas mi g’a àite. Nuair a ràinig mi ’n cala ’sam b’àbhaist dhomh fantainn, ’Sann dh’éirich Dan Alex.† le cabhaig an àird’, Thug e gun m’òrdan an làir chun an stalla, ’S gu’n d’ fhuair i gu leòr de gach seors’ anns an stàbull. Stigh Cnoc a’ Bharren bha ’m poll a’ fàs tana, An t-uisge cho savage a’ pouradh a bhàn; Cha d’ stad mi ’s cha d’ striochd mi gu’n d’ ruig mi Caistiòna, Gu’n d’fhuair mi gun iarraidh gach ni bha ’na làimh. * Angus A. MacDonald (Aonghas Iain an t-Saoir). † D. A. Ferguson, now residing at Glace Boy. [TD 25] NA H-IASGAIREAN. Air Fonn:— “ ’N t-urram aig a’ bharge ruadh.” Dh’ fhalbh mi leis a’ bhàta luath, ’Se Mac Coinnich chuir i suas; Tha i lucky air a’ chuan, H-uile àite ’m buail i sròn. Bha mi uair gur beag a shaoilinn, Na idir duine de mo dhaoine, Gu’m bithinn ann an Cnoc nan Caorach, ’M freasdal caoban de an t-seol. An oidhche thàinig òirrn na frasan, Gu’n do thoìsich sinn air tarruing; Gu’n d’rinn sinn an seòl a shracadh, Chuir siod Alex. thar a dhòigh. Thainig Pàdruig còir gu’r n-iarraidh, Duine socair, sàmhach, fialaidh, ’S ann ghabh Aonghas Mór a’ bhiast ris, Cha robh rian a chur air dòigh. ’Nuair sin ’sann bha Russell ’g ràitinn Gu’n do chual e trod bha gránda Gu’n robh eagal air mu Phàdruig, Nach biodh sàil aig air a bhròig. Thàinig Aonghas Mòr ’se cnàmhan Bonnach aige ’s coltas blàth air; Bha e ’n dùil nach biodh e sàbhailt ’N àite ’sam bith ach ’na dhorn. ’Se Pàdruig còir a tha mi ’cantainn, Rinn e rium cho math ’s bu mhath leam; ’Se nach cuireadh orm am falach ’N t-aran; O, b’e ’n duine còir. [TD 26] Thàinig Aonghas Ruadh ’sa mhaduinn; ’S ann a thubhairt e ruinn gu geanail, “Falbhaibh ’s cruinnichibh na bheil agaibh, Thiugainnibh gu dàchaidh chòir.” ’S ann tha ’n Caimbeulach ag ràitinn, “Tha mi ’dol a dh’fhalbh am màireach; Tadhailidh mi air cladach Archy, Ach am fàg mi aige ’n seòl.” Thubhairt an Caimbeulach ’s e ’g griosadh, ’S e cho luath dhuit ri cat fiadhaich, “O, cha teid mi chaoidh a dh’iasgach, Shios far am bi Aonghas Mór.” Chaimbeulaich, cha téid thu dhachaidh, O’n a fhuair mi fhéin deagh dhachaidh, O’n tha ’n season againn fada Ni sinn fhathast math gu leòr. Agam-sa tha ’n gille tapaidh, Chaidh a fhliuchadh anns a’ bhreaker; ’S ann a dh’eubh e “Cùm a mach i, ’S sinn cho faisg air Sgeir nan Ròn.” ’S iomadh fear a bhiodh ’na àite ’Nuair ud thòisicheadh air rànaich; Cha robh sion de siod ’na nàdur,— Chleachd e ’n sàl o’n bha e òg. ’Aonghais, na biodh ortsa gruaman, Fhad’s bhios t’athair ri do ghualainn; Mur a séid i buileach cruaidh oirnn, Bheir sinn squad á fear nan spòg. O’ gur mise chaidh a cheatadh Eadar Mac Cusbuig is Nic Fhilip, Ghabh mi ’n fhearg is rinn mi pitchadh, ’S fhuair mi clipper na Roinn Eòrp’. Fhuair mi paipeirean do’n ghruagaich, Air a classadh le daoin’-uaisle; Nighean Mhic Calumain cha toir uam i, O’n a fhuair mi i fo sheòl. [TD 27] AN DREOIDEAG (THE MARTHA B.). Air Fonn:— “Muile nam Mór-bheann.” ’Sa mhaduinn Di-haoine rinn sinn startadh; Thog sinn na siùil os cinn ar claiginn; Gu’n shuidhich e ’chùrsa sìos an cladach; Bu luaithe i na ’n Alpha ge mór i. Gu’n chuir sinn an staysail suas ’sa mhaduinn, Mi fhéin an dùil gu’n deanamaid cabhag; ’S ann thàinig e nuas mu mhullach ar claiginn, Gun ann ach maide tri òirlich! Aig ceann Scatari bha’n fhaìrge ’fàs carach; An ceò cho dùmhail nach fhaiceamaid fada; Shuidhich e chùrsa stigh air a’ chladach; A rìgh! gu’n robh sad aig an “Dreòideig”! Bha ’m Boy, Dan Beag, a’ falbh ’na chabhaig, Bocsa ’na làimh ag iarraidh arain; Gu’n tig e le briosgaid cho cruaidh ris an darach; A righ! cha charaide dhòmh-s’ i. Bha mi uair de ’m shaoghal ’s dh’fhaodainn a chantainn, Nach bithinn a’ strì rì leithid de pheallaig; ’S ann bhithinn a’ falbh air soithchean Geancach, ’S cha bhithinn air adaig mar bheò-shlaint. Mach o Flint Island shoillsich a’ ghealach, ’S a ghaoth a tuath cho cruaidh o’n fhearann; Bha Cailean ’ga stiùireach, ’smùideadh mara; Gu cinnteach bha astar ’san “Dreòideig.” An Cow Bay a’ ghuail gu’n d’fhuair sinn maide, ’S gu’n chuir sinn e suas gu luath ’s gu h-ealamh; ’S na stays a bh’ann cha tugadh iad car ann, ’S gu’n againn ach pronnagan ròpan. [TD 28] Mo charaide Tormod, dh’fhalbh e chadal; Cha tigeadh e nuas a dheanamh car dhomh; ’S ann thubhairt mi fhéin ris, “Nuas gu h-ealamh, ’S an tack air bristeadh ’san fhoresail.” ’S ann theannaich e phlangaid teann m’a chlaigionn; “Cha téid mi suas a dheanamh car dhuit; Nach leig sibh an trusdar a stigh air a’ chladach, ’S gu’n tugadh na clachan an t-sròn dith.” “A dhuine gun dòigh, gu dé tha thu cantainn, Ag iarraidh orm a leigeil gu cladach? Na’n deanadh i bualadh ’s tusa ’nad chadal, Gu’n deanadh am breaker do leònadh.” Thàinig e ’n uair sin nuas gun chabhaig, E ’suathadh a shùilean, ’s iad làn de’n chadal; “’Se Cow Bay th’ann, leigibh a staigh i, Is cuiribh air acair an ‘Dreòideag.’” RANNAN MU PHOLITICS, ETC. Na’m biodh fios aig Laurier Cho briagh ’sa tha mo mhogaisean, Gu’n cuireadh e ’sa Chronicle An coltas a chur suas dha. Tha ’n Griasaiche cho fuileachdach Conservative na dunaich e, Cha dean e gréim ’gam chuideachadh, ’S chan urrainn mi bhi suas ris. Thubhairt am Fidhleir o chionn fada rium, “Thig a stigh ’s thoir streangan leat; Gu’n dean mi iad mar ’s aithne dhomh, ’S cha chosg iad an cent ruadh dhuit.” Nuair a chaidh mi dhachaidh leotha, Bha iad am paipear paisgt’ agam; ’S ann thòisich iad air magadh Air a’ char a bha ’san uachdar. [TD 29] Tha cuid de dhaoine gòrach ann, Tha cuid de dhaoine leòmach ann; Ma chi iad dad ach bòtain ort, Tha ’n corr ’ga chaith’ cho suarach. Tha móran de mo nabuidhean Is Tupper anns a’ pharlor ac’, Is mac John A. a phartner; Gu bràth cha tòir mi luaidh dhaibh. Ma’s urrainn Mr. Matheson, Bidh railroad a dh’aithghearr ann; Gu’n cluinn mi ’n train is glag aice, ’Dol seachad dh’iarraidh guail duinn. Is gheibh sinn flùr á Halifax, Gun dhol an còir nan ceannaichean ’S bidh depot aig a’ Phassage ’S e Calum a ni ’bhuannachd. Lionaidh e ’chuid stòraichean, Bidh whiskey dhearg gun sòradh ann; Na bodaich bidh iad còmhla ris, Ag òl, ’s cha dean iad buaireadh. Griasaiche nam brògan ud, Cha bhi e idir còmhla ruinn; A chionn nach eil mi ’m Thory, Bidh e’n còmhnuidh ’g iarraidh buairidh. Innsidh mise ’n fhìrinn duibh,— Creidibh i ’s na ditibh e,— Rinn Laurier a dhichioll Air gach ni bha dhuibh chum buannachd. Nise gu’n do dh’fhàg e sinn, Tha Borden dubh ’na àit againn; Gu’n chuir e ’n tax cho àrd oirnn, ’S a pàigheadh gheibh sinn cruaidh e. [TD 30] ORAN TAGHAIDH. Air Fonn:— “Mo bheannachd aig na h-Albannaich, Gur sgairteil an am feum’ iad.” Ruairidh donn mo nàbuidh, Gur tràth a rinn e éirigh, E ’slaodadh chun a’ pholla, ’S cha mhór a rinn e dh’ fheum leis. ’S gu’n do dh’fhalbh John Angus, Le gunna cam gun ghleus air; ’Nuair thog e air a ghualainn e, Gu’m b’ uailleil bha a cheum leis. ’Nuair bha e’ tilleadh dhachaidh, Bha e airtneulach ’na cheuman; Ged a thigeadh rabaidean M’a chasan, cha bu léir dha. Chaidh e do an leabaidh, ’S cha b’e ’n cadal a bha dh’éis air; E ’g éisdeachd ris na cùil so, Ach ’n robh dùdaichean a’ séideadh. Thubhairt Peigi anns a’ mhaduinn ris, “Chan eil cabhag ort ag éirigh; O, coma leam de d’ lunndaireachd; Bhì tùrsach cha dean feum dhuinn.” ’S ann thubhairt Kennie Hughie, “Is duilich leam mar dh’éirich— Gu’n do bheat na Farmers mi, ’S mo pharty ’n diugh gun fheum dhomh.” ’Nuair a thachras Tories rium, Cha toir iad còmhradh fhéin dhomh; ’S ann sheallas iad cho gruamach orm, Is fuath aca gu léir dhomh. [TD 31] Tha Seonai Neill Mhic Cùsbuig An diombadh rium ’s gun leir dhomh; A chionn nach d’rinn mi voteadh leis; ’S ann dhòmh-sa bha sud feumail. Tha ’n drochaid dhubh air stad oirbh, Mur a patch sibh féin i; ’S am fear a dhèanadh ealamh i; Cha b’ charaidean sibh fhéin dha. Sin nuair a thubhairt Niall Choinnich, “Gur a soillear chi mi fhéin sud; Na’m bithinn-sa air voteadh leis, Bhiodh dòchas agam fhein dhith.” Dh’fhalbh mi air mo shocair, Le mo chois, ’s gu’n d’rinn mi feum leis; Gu’n do rug Mac Aoidh orm, ’S do’n char gu’n d’thug e fhéin mi. “Thig a stigh gu h-ealamh, Gur a caraide dhomh fhéin thu; Mu’n tig an t-àm so ’m màireach Bidh flag cho àrd ’s bhios feumail. “Gum bheil Kyte is Carroll Ann am misneach mhath le chéile; Ma phullas sinne còmhla Gu’m bi gu leòr dhaibh fhéin ann.” Nuair a ràinig mise ’n Drochaid, Bha bodaich ann bha éibhinn; Bha Aonghas Mac Chaluim Oig ann ’S Gilleasbuig Mór, làn feusaig. Gu’n robh Uilleam Eachainn ann; Bu charaide dhomh fhéin e; Gu’n do las e matche dhomh, ’S gu cinnteach rinn sud feum dhomh. [TD 32] Gu’n robh Domhull Ruairidh ann; Bu ghruamach bha e fhéin rium; Chaidh e seachad faisg orm, ’S cha d’ thubhairt e facal fhéin rium. Bha e falbh an cuartalan; ’Se buaireadh bha e’n déidh air; ’S a’ pharty bha e ’leantainn Air a smashadh, as a chéile. Nuair a sheall mi air na cnocan ud, Gu’n robh boirionnaich ’nan treud ann; Is pàirt dhiubh nach robh coltach Air a’ mhogan chur ri chéile. Am boirionnach bha agam-sa, Cha d’rinn i dad a dh’fheum dhuinn, On mhill a’ bhó a’ chas aice— Cha charaicheadh i á seithir.* ’Sann bha Ceit ag ràitinn rìth’, “ ’Nad àite théid mi fhéin ann; Gu’m bì vote a bharrachd ac’, Seach fantainn anns an t-seithir.” ’Nuair a bhuail an t-àrdan i, Do’n char gu’n d’rinn i leum ann; ’S gu’n do use MacAoidh i Cho àrd ’sa b’urrainn e lady. Nuair ràinig i am polla, Vote ’i ’s rinn i feum leis; ’S gu h-ealamh chuir iad dhachaidh i; ’S cha b’ann le each is ceum ann. * Seithir, “chair.” [TD 33] MUC THORMOID. ’Sann Diluain a rinn i gluasad O an tuath air fòrfhais A ghabhail sràide do an àite ’S nach b’ àbhaist dhi bhi eòlach. Thubhairt Mac Cusbuig, “Thigibh grunn, ’S an t-sùil aice cho rògach; Mur a glac sinn i air ball Gu’n dèan i call air mòran.” Dh’eubh Niall Choinnich fada thall, “A Raonaid, ’si tha bòidheach, ’S ann o Thormod bochd a dh’ fhalbh i, Falbh is thòir a leòr dhi. Chan ith i rùisg, ’s chan òl sùgh, ’S chan eil a gnùig ’gam chòrdadh; ’S ma gheibh i’ dinneir aig Mac Cùsbuig ’S diùmbadh dhomh ri m’ bheò e. Nuair a ràinig i bean Mhic Cusbuig Use i math gu leòr i, Dh’ fhoighneachd i “Co as a thà thu, No bheil càirdean còmhl’ riut?” Thubhairt i “Tha mi car beag sgith; Thoir beagan tìde dhòmhsa; ’S nuair a bheir thu dhomh mo dhinneir, Innsidh mi gu leòr dhuit.” Nuair a ràinig mi àite ’n Fhidhleir Bha mi sgìth ’s cha b’ neònach Dh’fhoighneachd mi ’An d’ìth sibh dinneir No bheil nì ann dhòmhsa? [TD 34] ’S ann thàinig Tìneag a nall Is cuip ’na làimh ri m’ shròin-sa, O’n ’se muc le Grit a th’ann Tha sannt agam do leònadh.’ ” ’S mise chreideas thusa, ’ghalad, ’S tric a dhearbh iad dhòmhs’ e, ’Nam Election bhi gun diù ’S ann dhùraigeadh iad dòrn dhomh Ach fanaibh sibhse beagan tìde— Théid gach nì chur dòigheil; Ma dh’fhiachas Laurier a rithis, Gu’m beat e mìle Borden. Nuair a ràinig i Niall Mhic Dhubhais Cha robh iad idir còrdaidh Mu’n Election, tha dùil leam, A chionn nach d’thug i vote dha. Sann a chuir i òirre gnùig Gu’n ghabh i null gu Floraidh: “O’n fhuair iad siod post office ùr ’S ann ac’ tha ’n cliù air Borden.” Nuair chuala Betsy mar a bha i, Chuir i tàmailt mhór oirr’ “ ’Nad chul-bhùrta air feadh an àit, ’S ’nad aobhar gràin do mhóran. Na’m fanadh tu mar a b’àbhaist Air an àite còmhl’ ruinn, Ma bha dragh againn dhiot riamh ’S e biadh ’san àm ’s ’m bu chòir dhuit, [TD 35] ’Nuair chuala Tormod mar a bha thu, Bha tàmailt air ’s cha neònach, “Falbh, a Chenny, ’s faigh an làir, ’Sa phlàigh ud air fàs gòrach. Cha do smaoinich mi ’na àm Gu’n robh ’na ceann bhi seòladh, Ma gheibh i combaist air na cùil, Gu’n dean i cùrsa L’Ardoise.” ’N oidhche thug iad thu dhachaidh Ghlais iad thu ’s cha neònach, Air eagal gu’n deanadh tu falbh O’n dhearbh thu dhaibh bhi gòrach. Thu ’nad shliùgan feadh nan cùl, ’Nad chrùban anns gach corner, ’S nach fhaigh thu duine bheir ort sùil, Mur tionndaidh thu ’nad Thory. ’S ann chuir Murchadh fios a nall “Théid thu null, a bhrònag, Far am faigh thu bainne blàth, ’S a chuid as fhearr de bheò-shlaint.” “Ged a bhithinn ann fad seachduin, Tha pailteas aca dhòmhsa, O, ’s ann agad tha ’n deagh nàbuidh, ’S chan e pàirt de d’ Thories.” [TD 36] ORAN. Air Fonn:—“Cabar Féidh.” Siod nuair a bha ’n time ann ’S cha b’e ’n oidhche bha ’bhanais ann, Bha Earragaich is Aillsich. Is sgallair de Phabach ann; Ma’s e duine còir thu, Thoir horn as a’ ghlaine dhuinn, Is nì mi ceathramh òrain Cho bòidheach o is aithne dhomh Ailidh anns a’ chorner ’Na ònrachd, ’s cha mhath leam e; Thubhairt Peigi, “Thig a nall, Na biodh sgraing ris na balaich ort; Suidhidh tu aig bòrd, Tha còrr is am pailteas ann, ’S bheir Mac Fhilip còir Deagh horn de an drama dhuit. Nach fhaic thu Calum Fhionnlaigh Is liùgan is caran ann; Eiridh e cho tràth, ’S bheir e làmh air an teine dhaibh; Nuair lasas e an làinntir, Tha e’ soillseadh mar ghealaich dhomh; Feumaidh mise nuair sin Bhi ’g gluasad gu h-aindeonach, Aonghas Chaluim Mhóir, Gille còir ’s chan eil cabhag ann; Caidlidh e gu stolda Gu’n callar ’sa mhaduinn e; Eiridh e an uair sin, ’S cha ghluais e mar amadan; Tha obair mhath gu leor Anns a’ chòrr de an lath’ aige. [TD 37] Mac Fhilip tha e’g ràitinn, “Mo nàir’ air an fhasan ud! Nach fhanadh iad mar b’ chòir dhaibh Gu stòlda ’nan leapannan, Gu éirigh na gréine; Bhiodh feum anns a’ chadal dhaibh, Bhiodh iad uile sunndach, Gun tùchadh gun chasadaich.” Nuair chuala Calum ’chainnt a bh’agam, ’S ann a dh’fhàs e crosda rium— “ ’Se éirigh trath ’n rud as fhearr, Gun tòir e càil do an chosnach; Nuair gheibh mi ’n tea gu’n tog i m’inntinn ’S cha bhi ni de sprochd orm; Falbhaidh mi le m’ thuaigh, ’S ni mi uair feadh nan logaichean.” Chan fheum mi bhi sàsaidh Mu’n nàirich Bean Chaluim mi; Chunnaic i le ’sùilean Glé chrùbach ’dol seachad mi; Gu’n do ghearr a’ bhòtuinn Féith mhór cùl na cois’ agam; ’S e seana bhrog Chaluim Fhionnlaigh A dhùin am pìos fada dhomh. Tha mi nis a’ falbh, O, gu dearbh, as a’ bhaile so; Cha tig mi ann ri m’ bheo Ghearradh pholes fhad ’s is aithne dhomh; Chaidh e gu mo chluasan Gu’n robh gruaim aig na balaich rium— Gu’m b’e fear diubh siod Iain Ruairidh O’n chual’ e gu’m b’ Phabach e. [TD 38] CALUM AGUS A’ CHEARC. Luinneag. Air fal-al-al ó, ho ró air fal-al-al i, Air fal-al-al ó, ho-ró air fal-al-al i, Air fal-al-al ó, ho-ró air fal-al-al i, ’Se do thurus do’n bhaile chuir gaiseadh ’nam linn. Nuair dhùisg an còileach, ’s a sheall e mu’n cuairt, ’S a chunnt e na cearcan, gu’n d’ mhiss e ’n té ruadh, ’S ann rug e air peana a chur telegram suas, “Mur cuir sibh i dhachaidh, ’s e Kyte bheir i bhuaibh.” ’S ann a thubhairt Seonai,* “Nach bochd ’n rud a th’ann Nach trust thu do chairdean ’s an t-saoghal a th’ann, Bha mise ’nam amadan ’fiachainn gach toll ’S a blameadh a’ chlamhain, gur e rinn mo chall.” ’Nuair thàinig a’ mhaduinn bhà i ’sileadh gu cruaidh, Gu’n d’thug e leis combaist air son a bhi luath, ’Nuair a ràinig e’ Phassage ’sa sheall e mu’n cuairt, Gu’m b’fheudar dha tionndadh ’s a stiùireadh a tuath. Na’m bithinn ’nad àite, cha bhithinn ’dol ann, A dh’iarraidh nan cearcan, ’s an coirce cho gann, Ma dh’iarras tu buiseal, bidh dolar ’na cheann, ’S ma cheannaicheas tu poca, ’s e fortan a th’ann. Tha gillean an àite so ’g obair gu trang. A’ deanamh an òrain do’n fhear ’rinn an call; Gu’n deach e gu chluasan; ’s air dha cluinntinn nan rann, ’S ann thubhairt e gu durga, “Obair Mhurchaidh a th’ann.” * John H. MacLeod, Framboise Intervale. [TD 39] EILEAN AN TOBAIN. (Air an fhonn chiadna). Tha rudan a’ tachairt ’sa bhlidhna ta ann, ’Deanamh party air eilean gun ghoireasan gann; Gu’m faca mo shùilean na cùisean a bh’ann, ’Dol dachaidh ’nam onrachd ’s cha b’spors a bha ann. ’S ann a thubhairt Dora, “Tha leathachas ann; Cha d’ thug iad dhomh cuireadh, ’s cha deachaidh mi ann.” Thubhairt Calum Mac Fhilip, “Tha mo mhisneachd air chall; Gu’m b’ fhearr leam na dolar nach deachaidh mi ann.” Bha seann Domhnull Mac Aoidh ’sa pharty a bh’ann, ’Toirt seachad nan òrdan do’n òigridh a bh’ann; Nuair chuala Bean Choinnich an lagh bhi cho teann, Gu’n d’ chlear i dhachaidh ’s chan fhanadh i ann. Sin ’nuair a thubhairt Seòras, “Chan fhuirich mi ann, An t-eilean beag granda, am blàths chan eil ann,” Poit tea ann an òrdan, ’san stòbh cha robh ann, Ach teine beag feàrna, obair phàisdean a bh’ann. Am fidhlear a bh’agaibh bha gliocas ’na cheann, Bha’n deigh ud cho sleamhuinn, cha phlayadh e dhuibh; Na’n tachradh gu’n tuiteadh neach de na bh’ann, Gu’n feumadh e dotair—’se cosguis bhiodh ann. Sin ’nuair a thubhairt Calum, “Cha teid mi ann, Gu’n glac Clann Mhic Fhilip gach nighean a th’ann; ’S gu’n shuidh e gu socair, ’s a mhogais ’na làimh, “ ’Se Eilean an Tobain an nochd ni mo chall.” [TD 40] ORAN. Air Fonn:— “Mo chridhe trom, ’s cha neònach.” Gur a mise ta fo ghruaim, An t-each dubh cho fada bhuam; Eagal orm gu bheil e ’m bruaich, ’S nach gluais e as ’na ònrachd. Ach na’m faicinn e ’tighinn dachaidh, ’S a chuid soluis aige laiste, Thar na h-inntinn dh’éireadh sac, ’S gu’n startainn air an òran. ’S ann an uair sin a thubhairt Calum, “Gur e dh’fhàg mi ’n diugh cho fada, Esther a bhi feadh a’ bhaile, ’Ceannach anns gach stòr.” Tha na boirionnaich a th’ann Gu math cosgail aig gach àm, Ge b’e dé a thig ’nan ceann, Bidh sannt ac’ air an còmhnuidh. Ach innsidh mise dhuibh-se ’n fhìrinn, Creidibh i ’s na deanaibh ’diteadh, Gur e ’n leabhar mór aig Eaton ’Dh’ fhàg na mìltean leòmach. O, tha cuimhn’ agam an t-àm, An t-aodach Gallda ’s e’ bha gann; Ach briogais chlòth’ air an robh bann, Is streang os cionn na bròige. [TD 41] Tha na boirionnaich a th’ann Gu math spaideil aig an àm; As ’n cuid sìoda cluinnear srann, Bucaill ghrinn ’nam brògan. Sin ’nuair a thubhairt Bantrach Fhionnlaigh, “An cuid sìoda ’s beag mo dhiù dheth; Nuair a gheibhinn dolar ùr, ’S ann lùbainn e ’nam phòcaid.” ’S ann an uair sin a thubhairt Calum, “O, nach mi bha pòsd’ aig Anna! ’S mi a bheireadh leam a’ chailleach, ’S am bank-book aic’ ’na pòcaid.” Nach e Calum bochd a th’ann, Nach ann ann a chaidh an sannt! A liughad uan de’n d’ thug e ’n ceann, Is sannt aig’ air a’ chorr dhiubh! ’S ann an uair sin a thubhairt Kenny, “Chan eil mise ’n taing na caillich; Bha gu leòr aig bràthair m’athar, ’S thug e pailteas dhòmhsa. “Chan e’n dolar luideach, suarach, ’Fhuair mi idir o’n duin’-uasal; Ach dà mhìle rinn e suas dhomh; ’S bidh iad buan gu leòr dhomh.” “Chan eil mi ’toirt dad as an dràsda, Tha mi deanamh math air salmon; Ach nuair thig Murchadh Choinnich Bhàin, Gu’n ith e dhà dhiubh còmhla!” [TD 42] ORAN SUIRIDHE. Air Fonn:— “Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.” Creidibh mise gu’n d’thubhairt Archy, “ ’S iomadh oidhche bha mi sgìth, ’Dol a mach troimh Allt na Feàrna; O, nach bochd ma dh’fhàg i mi! Ach an rud nach bi gu tachairt, Cha ghabh e deanamh a chaoidh; Gur h-e Alex. Dan Mac Leòid, Mhill gach còrdadh a rinn mi.” ’S ann an uair sin thubhairt a mhàthair, “ ’N saoil thu ’n d’ fhàg i thu le cinnt? Creicidh sinn air fad an t-uachdar, ’S cha bhi uallach oirnn mu’n ìm.” ’S ann an uair sin a thubhairt Archy, “Tha mi ’dol a Sht. Esprit, Bruidhnidh mi ri Uilleam Eachainn, Ach am bheil dad ann domh fhìn.” ’S ann an uair sin a thubhairt Uilleam, “O, chan urrainn mi dad inns’; ’S fhearr dhuit foighneachd de a màthair, ’S gheibh thu ’m màireach mach gach ni.” ’S ann an uair sin thubhairt a màthair, “Tha mi ’n dùil nach fàg i sinn; Tha Christina shuas am Moncton— Eagal orm nach tig i dhuinn.” ’S ann an uair sin a thubhairt Dora, “Air pòsadh cha smaoinich mi; ’S fhearr leam a bhi còmhl’ ri m’ bhràithrean, ’Falbh an car feadh Sht. Esprit.” [TD 43] ’S ann an uair sin a thubhairt Dora, “Fuirich greiseag còmhla ruinn; Ma gheallas Danny dhòmh-sa pòsadh, Ni mi còrdadh riut le cinnt.” O, ’si ’n t-suiridhe té na trioblaid— ’S ioma gille dh’fhàg i sgìth; Fàgaidh i Archy cho gòrach Ris an smeòraich air a’ chraoibh. 1924. RANNAN DO CHAIRDEAN OGA. Air Fonn:— “A Chailin donn a’ chuailein réidh.” Nuair thàinig an gnothach cruaidh, ’S ann chuir Tina fios a nuas, “O, a Cheambaich, gabh rium truas, ’S mo chasan fuar, ’san aingealach.” ’S ann a thubhairt an Ceambach òg, “Tha mise deiseil nis gu leòr, Tha mo shuipeir air a’ bhòrd; Tha ’n còta ’tighinn aig m’athair dhomh.” Dh’fhalbh e leis a’ char gun mheang; Chuir e solus suas ’na àm; ’S ged a bha oidhche fhliuch ann, Gu’n d’fhuair e gang an allabain. Nuair a ràinig e na cùil, Gun e eolach air a’ chùrs’, Chuir e ’n combaist air a ghlùin, Gur h-ann a stiùir e ’n ear-thuath i. [TD 44] Tha na ròidean cho cam, Drochaid air a h-uile allt, Ma shlideas e a mach de’n ceann, Gun gann da mur a fan e ann. Fhuair e dhachaidh math gu leòr, ’S gu’n do shuidh e aig an stòbh, Bha fios roimhe as a’ Chobh Mhòr, “A sheòid, bi ’tighinn le cabhaig ’n so.” Nuair a ràinig e thall, ’Sa dh’aithnich e có a bh’ann, O, ’se Tory math a bh’ann, Gu’n d’thug e nall gun cent as e. Rinn a mhathair snodha gàir’ “Tha Willie bochd an diugh ’na thàmh; A Dhùghaill, bheir thu beagan dha, Gu cards a chur g’a leannanan.” A Willie, ma’s e ’n fhearg a th’ann, A chionn gu’n d’rinn mi dhuit an rann, Ge b’e de’ thig ’na mo cheann ’Se cuip gun mheang bheir asam e. ’S ann thubhairt Archy aig an stòbh, “ ’S fhad, o’n fhuair mi dhiot mo leòr, Na’m biodh tusa ’nad dhuin’ òg, Gur fada bho’n bha ’n t-sabaid ann.” ’S ann thubhairt ’athair ris ’s e thall, “Gu de’ ’n cron a th’agad ann? Na’m biodh botul ann am laimh, Gun taing dhuit bheirinn drama dha.” Thionndaidh Dora air a sàil, “Gu dé nis tha sibh-se ’g ràdh? Na’m biodh cuip agam ’nam laimh, Gun tugainn stràcan neamhail dha.” [TD 45] “Nuair bha mi ’nam nighinn òig Bha mi measail ort gu leòr, ’S ann a thòisich thusa, ’sheòid, Air òran do mo leannan-sa.” Ma’s e sin an spite a th’ann, ’S mi tha toilicht’ aig an àm, Trothad ’s cuir do làmh ’nam làimh, ’S do ghamhlas dhomh leig seachad e. Ged a tha mi fada bhuait, Gheibh thu beagan fhaclan bhuam; Na’m bithinn anns an tigh ud shuas, ’S e latha fuar nach fhaicinn thu. “Tha thu fagus orm gu leòr, Chan iarrainn t’ fhaicinn ri mo bheò,— Ged bhiodh e air an rathad mhòr, A Dhòmhnuill, na tòir dhachaidh e.” O, nach bochd an rud a th’ann, ’S e mo choire fhéin a th’ann, Na’m bithinn toirteil ann am chainnt, Cha bhiodh an gamhlas agad dhomh. Nuair bha thu ’nad nighneig òig, O, gu cinnteach ’s tu bha còir, Thug thu poca connlaich dhòmh-s’ Gu leabaidh mhoir ’san t-shanty dhomh. [TD 46] ORAN D’A NIGHINN. Air Fonn:— “ ’Nighean donn an t-sùgraidh, mo dhùrachd bhi réidh riut.” Chunna mi fear-cinnidh dhomh, duine beag ’tha bòidheach Mar gu’m biodh e ’g iasgach air iasg aig a’ bhòrd so, Ma dh’fhalbhas i ’s a’ gheamhradh, ’se call a th’ann dòmh-sa, Chan fhaigh mi na preusain ’bha feumail dhomh ’n còmhnuidh. Sin an uair thubhairt Tina, “Tha sibh math gu leòr dheth; Chan eil aon char agaibh ach smokeadh is orain; Ma bheir mise sios sibh ’se riasladh e dhòmh-sa, Gun an obair iaruinn ag iarraidh ’ur seòrsa.” Na biodh dad a dh’ eagal ort gu’n cuir mi dragh ri d’ bheò ort; Tha té agam mar thà a tha math gu leòr dhomh; Ma chluinneas i mi ’casadaich am leabaidh ’s mi am ònar, Bheir i dhomh na medicines bhios freagarrach do m’ sheòrsa. Nuair a thig an samhradh, an t-àm a bhios bòidheach, Chì thu mi an Sidni ma’s e duine beò mi, Air an Exhibition, far ’m bi ficheadan de m’ sheòrsa, ’S cha mhor bhios de m’ aois ann cho aotrom ’s cho gòrach. Sin ’nuair a thubhairt Tina, “Nach mi a tha leòmach, Bheir sinn leinn dachaidh e, ach am fan e còmhl’ ruinn; Tha e ’nam inntinn is chi thu e, Dhomhnuill, Gu’n tig Esther leis a char, is nach fhàg i e còmhl’ ruinn.” ’S ann a thubhairt an suiridheanach,* “ ’S mise ’n duine gòrach, ’Falbh leis an dithis ud, ’s dùil aca ri pòsadh, Thug iad mi gu Framboise, gun mi an sin eòlach. ’S chaidh mi ann an toll ann am poll thar nam bòtain.” * Suiridhiche, “wooer’s companion.” [TD 47] Bha ’n suiridheanach sgìth, dh’fhàs e tinn ’s cha bu neònach, Thug an Ceambach dhachaidh e, ’s e cho fliuch ri lòn duit; Chuir iad anns an leabaidh e, aodach pailt gu leòr air, Iarunn teth ri chasan, ’s gu’n do chaidil e mar ròn duit. Dh’ éirich Calum anns a’ mhaduinn; bha e ’g actadh dhomh mar sheòldair ’Cruinneachadh nam blockaichean, ’s a’ tional a chuid ròpan; Thilg e anns á chàr iad, is dh’fhalbh iad uam comhla; O’ chan eil fios agam dè thachair do an chòrr dheth. ORAN DO DH’ ANNA CHAMSHRON. Air Fonn:— “A Nighean donn, ’s laghach thu.” Tha nighean anns an àite, Molaidh mi gu bràth i; ’S e ’cridhe a bha blàth dhomh, ’S gu’m b’fheàirrde mi a còiread. Nuair thigeadh a’ Bhliadhn Ur oirnn, ’S gun dad agam a dhùil ris, Chuireadh i gu m’ ionnsaidh Rud ùr de gach seòrsa. Siod an nighean uasal, Anns a’ h-uile gluasad; Dh’ aithghearr bidh duin’-uasal R’a gualainn, ’s iad pòsda. Cha robh diobhar de’n t-àm e, Samhradh no geamhradh, Rachadh i mach gu’r n-amhradh;* Cha d’ sheall i bhi pròiseil. * Gu’r n-amharc. [TD 48] Bha mi mar a b’ àbhaist ’G obair air an àite, ’S ann dh’eubh i rium le gàire, “Thig ’s gu’n tarruingeamaid còmhla.” Tha gu leòr ’san àite Nach ’eil a leth cho àrd riut, ’S ann biodh orra tàmailt Gu’n tarruingeamaid còmhla. Chan eil aice Gàidhlig Cha do dh’ ionnsaich i tràth i, Ach tha i làn gràmair; ’S e ’s fhearr dhi’ g’a beò-shlaint. Na’n tuigeadh ise Gàidhlig, Cho math ri Domhnull Phàdruig, ’S mi dheanadh àrd i An dràsda ’na m’ òran. Nighean an deagh nàduir, Fhuair i ’na pàisd’ e; Leanaidh e gu bràth i, Gach aite ’m bi ’còmhnuidh. Ged tha mi gun fhiaclan Is mo cheann air liathadh Bidh cuimhn’ am gu siorruidh Mar dh’fhiach i cho còir rium. Ma gheibh thu mo dhùrachd, Mar a tha mo rùn duit, Bidh agad fhathast ionndus* A dhùblaicheadh Iòseph.† * Ionmhas. †The late Joseph Matheson, some time M.P. for Richmond, Co., N.S. [TD 49] Tha againn beagan càirdeis, ’S ann a thaobh a màthar, Ged tha h-athair bàn Gu math làidir ’na Thòry. Nuair chunnaic i le’ sùil mi, Ruith i mach gu m’ ionnsuidh, Thug i, tha mi ’n dùil, mi Dò’n rùm ’san robh ’n t-òrgan. Nuair a ghabh mi m’ dhinneir, Chaidh mi ’nam leth-shìneadh; ’S ann thug an nighean ghrinn dhomh Ceòl binn as an òrgan. Ach a’ chuid a b’fhearr dheth, Nuair a bha mi ’fàgail Dh’fhalbh i-fhéin ’s a bràthair Le car a mach còmhl’ rium. Chi sibh le ur sùilean, Ann am beagan ùine, Gu’m faigh i duine cliùiteach, A bhios ionndus gu leòr aig’. Dh’ fhalbh i as an àite, Chaidh i do na Stàitean; ’S mo bheannachd-sa gu brath dhi, Ge àite-’m bi còmhnuidh. Tha dùil leam a’s t-samhradh, Ma bhios mise ann, Gu’n tig ise nall Agus candy aic’ dhòmhsa. Autumn, 1928. [TD 50] AN T-AONADH (?) Air Fonn:— “O, nach tigeadh Luchd leagail nan dlòintean.” O, nach fhan sibh ’San eaglais ’s ’m bu chòir dhiubh; An eaglais a th’againn Tha i breagh ri ’faicinn; ’S gu’n d’ chum sinn gu glan i Le barrachd de bhota. ’S ioma ministear beannaicht’, Tha ’n diugh fo an talamh, A bha riamh ’ga leantainn, ’S an anam aig tròcair. Bha éildearan againn, A’ riaghladh nam beannachd, An diugh le’n cinn ghlasa, Chan fhan duine dhiubh còmhl’ ruinn. An “Union” a th’againn, Cha mhor sheall i ’bheannachd; ’S ann bhrist i gach paraisd’ A bh’againne còirdte. Mhill i na càirdean An diugh anns gach àite, Gu ruige na bràithrean A b’àbhaist bhi còirdte. A dh’aindeoin an dichill, Gu’n d’ghleidh sinn na trì dhiubh; Bha ’n Cruithfhear leinn; Tha E dìleas d’ar seòrsa. [TD 51] Ged a rinn sibh a fàgail, Mar uan ’bhiodh gun mhàthair, Chan eil i gun chàirdean ’Ni làidir gu leòr i. An tigh ’th’air a riaghladh Le beannachd ’s le diadhachd, Bidh gràine de a shiol ann; ’S e Dia ’chumas beò e. Mur biodh gu’n do thachair An Judge a bhi againn, Bha Caorstaidh is Anna Air tigh’nn dachaidh gun bhotadh. Sud am fear a bha dìleas Le briathran na fìrinn’, ’S cha b’urrainn dhaibh’ dhìteadh Le ni de’n cuid eòlais. Is fhad ’s bha e againn A’ riaghladh air thalamh, ’S e dheanadh an ceartas; Cha leanadh e neò-ghloin’. Cha robh diobhar dé ’n t-àite Aig a thigh no air sràid e, Bha a chridhe cho blath B’i a’ Ghàidhlig e ’n còmhnuidh. Gu’n d’fhalbh e bho dhachaidh Air thurus do’n bhaile; ’S gu’n choinnich e ’n Teachdair’ Thug dhachdaidh gu glòir e. Sud am fear a bha dìreach Le briathran na fìrinn’; Cha b’ann air na mìltean Bhiodh ’inntinn an còmhnuidh. [TD 52] Tha a chàirdean ’ga ionndrainn O’n chàradh fo’n ùir e, ’S ann aige bha ’n cliù, Anns gach dùthaich de ’eòlas. Nuair bha Criosd air an talamh, ’Si ’n aithn’ thug e seachad, An soisgeul a sgapadh Gun dad ach aon chòta. Cha mhòr tha de’n nì sin, An diugh air an inntinn; ’S ann tha iad a’ strìth Ris na mìltean is còrr dheth. Ach chì sibh le ’r sùilean Am beagan de ùine Gu’m bì eaglais ùr Aig a’ ghrunn nach eil mór dhiubh Ach an là théid sibh innte, Rannsaichibh am Biobull, Ach am faigh sibh aon nì ann, Ni sibh na’s cinntich’ á tròcair. Nuair thig stranger do’n àite, ’S a chì e na dhà dhiubh, Bidh e’ foighneachd de Shammy, “Am bheil Pàpanaich còmhl’ ruibh?” An eaglais tha thall ud, Tha i briagh ’nam shealladh; Gu’n cumadh i barrachd ’S am paraisde còmhla. An Dia a bha againn, Gur e a tha ’n diugh againn; ’S ni Esan an ceartas— Bidh na h-amadain gòrach. [TD 53] An duine ’tha beannaicht’ ’Na ghiùlan air thalamh, ’S ann aige tha ’n gealladh Aig cathair na tròcair. Bha éildearan againn ’Bha measail ’sa pharaisd’; A dh’ fhalbh ’nam bharail-s’ An ceathrar dhiubh còmhla. Chan eil mi ’gur càineadh, Chan eil e ’nam nadur; Tha mi duilich an dràsda Gun na càirdean bhi còmhla. Na deanaibh mo dhìteadh, Ged dh’innsinn an fhirinn; Tha dragh ann air m’inntinn An ni th’ann ur seòrsa. Tha dithis ’san àite, ’S e ’n cridhe tha blath dhi; Gu’n d’shìn iad an làmh dhi, Is b’fheairrde gu leòr e. Ur pàrantan dìleas A thog i le dichioll; Gu dé bhuail ’nur n-inntinn ’Toirt dìmeas d’a seorsa. Tha ’m muillear ag ràitinn, O’n chaidh e mar chaidh e, “Ni mis’ dhaibh an sàbhadh Cha charge mi aon ghròt orr.’ ” Ged dheanadh tu shàbhadh Gach bior a th’ air t’àite, Ma tha do chridhe gun ghràs ann, Chan fheairrd’ thu e móran. [TD 54] Ach, Aonghais, a charaid, ’N do chuimhnich thu t’athair? Bha e riamh ’ga leantainn, Gu’n deachaidh am fòd air. Nuair bha mi ’nam bhalach, ’Se ’n Rosach a bh’againn, Le searmoinean glana ’Ga thoirt seachad an còmhnuidh. Nuair thigeadh an t-Sàbaid Bhiodh searmoin no dhà ann; B’e ’n toiseach a’ Ghàidhlig; ’Si b’ fhearr le mo sheòrsa. Fhad ’s bha e air thalamh, Gu’n d’rinn e ar leantainn, Gus ’n d’thàinig an Teachdair’ ’Thug dhachaidh gu Glòir e. Nuair rinn e ar fàgail Thainig Gordon ’na àite; Tha fear ainm anns an àite Ge b’ co dhà thug e’ bhòta. 1928. RANNAN DO’N URR. LACHUINN PEUTON. Gur h-e Mr. Beaton th’anns an tìm tha’n so ar ceann E ’teagasg na fìrinn’ duinn, ’s ’ga mìneachadh gun mheang, Na’n creideamaid na chuala sinn gach uair a bhitheamaid ann, Dh’fhaodainn a bhi ’n dòchas gu’m biodh tròcair dhomh ann. [TD 55] B’e siod an duine toilichte, ’tha cothromach an cainnt, Tha e aoidheil còmhraiteach, ’s an leòm cha robh i ann, Nuair a rachadh e ’na chùbaid b’e mo rùn gu’m bithinn ann, ’Se bheireadh dhuinn gu cothromach an solus air ar call. O, na’m bithinn faisge air b’e mo thlachd a bhi ’dol ann, Cha chluinninn aon ni don’ aige, bha e toilicht’ aig gach àm; Ged shiubhladh tu na provincean a sheòrsa bha iad gann, Bheir e Beurla ’s Gàidhlig dhuinn gun fhàiligeadh no meang. ’Se seirbhiseach bha dileas e, le fìrinn aig gach am ’S buachaille bha treibhdhireach, na’n creideamaid ’na chainnt Ach ghineadh anns a’ pheacadh sinn, ’s e’ leantainn ruinn gu trom, Ach bidh mi ’g altrum dòchais gu’m bi tròcairean dhomh ann. Dh’ fhalbhainn air mo shocair leis na cothroman a bh’ann, Bhiodh a dhorus fosgailte, ’s bhithinn toilichte ’dol ann. Ach a nise tha e dùinte, a dhubhradh chan eil ann Tha h-uile dad is smalan air, ’s cha mhath leam a dhol ann. Ach an Cruithfhear ’ga bheannachadh ’ga leantainn aig gach am, ’S an té, a tha còmhla ris, oir chuir i dòchas ann, Tha mise ’g a bhur n-ionndrainn gun dùil ur faicinn ann, B’e mo dhùrachd neart is slàinte dhuibh gach là a bhios sibh ann. Nise o’n a dh’fhag sibh sinn tha’n t-àite so gun cheann Ged gheibh sinn searmoin uaireannan, gur t-e luchd cuairt bhios ann. Mur do mheall mo bharail mi, ’san coltas a ta ann Nach fhaic mi gin gu bràth an so a b’fhearr leam na sibh ann. Ni na bràithrean dealachadh an uair a thig an t-àm, Tha fhathast aon fhear beò agam, ’san corr dhiubh chan eil ann, Ach cuireamaid ar dòchas ann an Righ na Glòire ’th’ann, ’San t-anam d’am bi tlachd aige tha dachaidh aige dhaibh. [TD 56] Nuair thig là na Sàbaid ’se là fada ’thann Chan eil searmoin againn ’se ’n cadal a thig ann. E cho fada bhuam ’s dà uair nach faigh mi ann Nach buidhe do an chòmhlan ’tha e’n còmhnuidh air an ceann. Chan eil dad a dhùil leam anns an ùine bhìos mi ann, Gu’n cluinn mi ’bhriathran beannaichte bhiodh taitneach leam ’s gach àm, Na’m biodh càch ’san dùrachd dhuibh ’san rud a bha mi ann, Bha sibh fhathast còmhla ruinn, ’s an corr chan iarrainn ann. DA DHAN SPIORADAIL. Anns an t-saoghal s’ rinn mi uaill A nithean suarach gun chus stàth; Theid sin gu h-aithghearr ghearradh uainn, ’S théid an corp do’n uaigh gu tàmh. Nach buidhe do na daoine còir’ ’Chuir an dòcha annad tràth! ’S tha mise nis air tighinn gu aois, Mo shaoghal tha e’ tarruing gearr. ’S ged bu leinn air fad an saoghal, Chan fhiach e maoin is sinn gun ghràs; Cha dean airgiod ’s cha dean òr, Ar saoradh o dhoruinn bàis. A réir do gheallaidh bheir Thu dhuinn, ’S t’ fhìrinn, ’si ’seasamh gu bràth; Mur bi sinn deiseil aig an uair, Gur sinn tha truagh nuair thig am bàs. [TD 57] Mo smaointean talmhaidh beir iad uam, ’S cuir feadhainn nuadh’ annam ’nan àit’, A chùm gu’m faicinn maise Dhé, ’S am feum a th’agam air gach là. Co dhiu bhios sinn slàn no tinn, Tha còir againn bhi dìleas dhà, On ’se-fhéin is Righ nan Dùl, Air neamh a’ seinn a chliù gu bràth. Tha mo dhòchas is mo dhùil Nach cuir E mi air chùl le tàir’, Ged nach d’rinn mi maitheas riamh Nuair bu chòir bhi ’g iarraidh bàidh. Iadsan chuireas an dòchas ann Cha mheall E iad, ’s cha cheil E ’ghràs; Bheir E dhachaidh iad gu glòir, Dòruinn chan fhaic iad gu bràth. O sheann duine ’nad chadal, dùisg; Dean t’urnuigh ris, na tarruinn dàil; Eisdidh E riut aig gach àm, Gheibh thu mar a gheall e ’chàch; Fiach nach dichuimhnich thu ’n ùrnuigh Lùb do ghlùn, dean ùmhlachd dhà; Na biodh nàir’ ort có a chi thu, ’Sheirbhisich ’tha dìleas dhà. Shaoilinn ’n diugh na’m bithinn òg, Nach deanainn gòraiche gu bràth; Chan eil an sud ach leisgeul truagh, Seasamh cruaidh ri aghaidh bàis, Bha mi riamh a’ falbh gun chùram, Diù cha robh do sheirbheis dhà; Cha bu léir dhomh ’n t-sail bha’m shùil, Ged chithsinn an smùr a bha an càch. [TD 58] Bu chòir dhomh tagairt riut gach àm, Chum gu’n seall Thu air mo chàs; Fiach am fosgail Thù mo shùilean, Airson tionndaidh gu na’s fhearr. Nach iongantach an rud an saoghal, An gaol a thug na daoine dhà; ’S ged a bhiodh aca na mìltean, An cridheachan chan eil leitheach làn. An duine beannaichte tha fo chùram, An saoghal s’ chan eil diù aig’ dhà; ’S ann tha ’chridhe agus, inntinn Air an rìoghachd tha na’s fhearr. O, nach toir Thu dhòmhsa tùr, Air son bhi ’g ùrnuigh riut a ghnàth; Oir dh’fheumadh gach neach a’ chairt-iùil Airson nach rachadh ’chùrsa cearr. Ach m’athair chan urrainn mi dhìteadh; Leugh e’n fhìrinn dhomh glé thràth; Chionn nach robh e orm glé chruaidh, Cha toirinn cluas d’a bhriathran blàth’. Ach tha mi ’n dòchas as mo chlann, Nach bi iad dall mar mise ghnath; Gu’n d’fhuair iad eòlas a thoirt dhaibh, Airson gu’n rannsaich iad mu d’ ghràs. Tha mi balbh is mi gun fheum Mar chreutair a bhiodh faotainn bàis, O, nach seall sinn ri mac Dhé Thug E-fhéin a shaoradh chàich! Bu chòir dhuinn sealltuinn ann an àm An ìobairt thug ’aon mhac gràidh; Ge b’e neach a chreideas ann, Gheibh e mar a gheall E dhà. [TD 59] Mór éifeachd tha an ùrnuigh, Nuair tha i dùrachdach le gràs; Nuair lùb am ministear a ghlùn, ’S ann bha mi ’n dùil gu’n d’fhalbh mo chràdh. ’Se Pìlate a bh’aca ’na cheann, Iad ag guidhe teann ri chur gu bàs; ’Se Iùdas ’chuir iad air a thòir, ’S bhrath e E le pòg gun ghràdh. Chaidh an corp bha beannaicht’ chur air crann, Tairngnean ’gan cur ann ’s gach àit; Saighdear ag cur sleagh ’na chliabh, ’Se ’deanamh nach d’fhuair E ’m bàs. Siod far an robh ’n sealladh truagh, An corp bha nuadh a’ fulang cràidh. Greis mu’n do thilg E ’n deò, Ghuil na neòil airson a bhàis. Mu thimchioll na siathaimh uair’, Bha dorchadas mu’n cuairt ’s gach àit; Brat-roinn an teampuill shrac e suas, ’S chrith na h-uaghaichean ’s gach àit. Nuair ruith an t-àm a gheall E éirigh, Dh’ éirich cuid ’sa mhaduinn tràth; Cha robh dad ri fhaicinn ann, Ach aodach adhlacaidh a’ bhàis. ’N sin chuir a naimhdean fair’ air ’uaigh, Le eagal sluaigh ’bha dìleas dà; ’S chan fhaca sùil ’s cha chuala cluas, E ’tighinn o’n uaigh a chathair gràis. Nuair dh’fhoillsich E E-fhéin ’na ghlòir dhaibh, Cha robh Tomas am measg chàich; Gu’n d’iarr e’lamh a chur ’na thaobh; Bu sheanachas faoin leis briathran chàich. [TD 60] O, nach tòir Thu dhòmhsa tùr, Airson bhi ’g ùrnuigh riut a ghnàth; A bhi’ tagairt ris le dùrachd, ’S ann ris a tha mo dhùil le bàidh. Tha mi aineolach gun eòlas, ’S iomadh dòigh a tha mi cearr; Ach an Ti tha pailt an tròcair, Tha mo dhòchas ann a ghnàth. COMHAIRLE DO’N T-SEANN-DUINE. O, sheann duin’ tha diomhain, leig dhiot do dhroch cleachdadh, Crom sios air do ghlùinean, ’s dean t’ ùrnuigh gu glan ris; Bi ’tagairt an còmhnuidh airson tròcair do d’anam, ’San Ti tha ’gad éisdeachd ’sann dha ’s léir mar tha t’eallach. O, smaoinich an còmhnuidh an cothrom glórmhor a th’agad, Mu’n tig breislich a’ bhàis ort ’s gu’m faillig do neart thu; Ma rinn thu do dhìchioll anns an tìm a bha agad, Gheibh thu bàs ann an dòchas gu’m bi tròcair aig t’anam. Ma sheall Dia ort le ’thròcair, ’s mór an sòlas bhios agad; Cum greim gu math teann air, mu’n sleamhnaich do chasan; Ge b’e àit anns am bì thu na dean dimeas air ’Fhacal, Oir tha ’shùil-san an còmhnuidh air gach seòrsa ni’ leantainn. Nach aige tha ’m fabhar ’gam fhàgail air thalamh, Mo pheacaidhean neò-ghlan an còmhnuidh ’na shealladh; O, nach toireadh E tùr dhomh am beagan ùine bhios agam, Gu bhi ’g iarraidh an Tighearna tha fialaidh làn beannachd. Ged bhiodh ar làmh anns an t-saoghal, nithean tìmeil na beatha, Chan eil sin idir ’na dhiteadh fhad ’s a nì sinn gu ceart e, Bi toilichte ’n còmhnuidh an cothrom glòrmhor a th’agad; Thoir do chridhe do’n Tighearna agus t’fhiachan gu’m maith E. O, nach mise ’bha gòrach, an dòigh ’bha mi ’leantainn, Gun eagal, gun chùram, gun diu gu dé chanainn, [TD 61] A’ siubhal cho aotrom ris a’ ghaoith a’ dol seachad! O, nach iarr sinn an Tighearn leis a’ chiall dh’fhàg e againn! Oir tha ’m bàs tarruinn teann oirnn gun dòigh ann air a sheachnadh, Mi a’ faicinn le m’ shùilean gu bheil m’ùine dol seachad. Nuair thig an Teachdaire gruamach a dh’fhalbhas uainn leis an anail, Ma thachras Dia oirnn le ’thròcair, ’s mór an sòlas bhios againn. O, smaoinich an còmhnuidh gu dé ’n dòigh tha thu cleachdadh; ’Se ’n duigh là na slàinte, tha’m maireach gun ghealladh; Dean striochdadh le ùmhlachd, bi ag ùrnuigh gu glan ris, Mu’m bi thu air t’ fhàgail air àireamh nam peacadh. O, nach tòireadh E a ghràs dhomh, fhad ’sa tha mi air thalamh, Gu bhi ’g iarraidh an Tighearna oir ’s E b’fhiach bhi ga leantainn; O, nach E rinn an trocair a mhac glòrmhor thoirt seachad, Gu’n do chuir E troimh ’n bhàs E airson tearnadh nam peacach. Siod an cridhe bha brùite nuair bha an ùine air a’ teannadh, Agus fios aige ’na inntinn h-uile ni bha gu tachairt; Nuair thàinig an uair aige thug iad suas E do pheacaich Gu’n do chuir iad air crann E ’s tàirngnean teann ann ’ga cheangal. Chaidh an corp a bha beannaicte nuair sin a dh’uaigh ann an carraig; Cha do dh’fhan e fad’ innte nuair ruith an tìm bha E ’cantainn. Gus gach ni bhi ’na fhìrinn bha E rithis air an Talamh, Gus an d’thàinig an uair chaidh e suas a chum ’Athar. Nach ann agam-s’ tha ’n tròcair an còmhnuidh air thalamh, ’Faighinn neirt agus slàinte gach là, ann am bharail; [TD 62] Ach tha fhathast a dhìth orm aon ni b’fhearr na th’agam; Nuair a ghairmeadh am bàs mi gur e ’fhàbhar bhiodh agam. Ach tha sinn an còmhnuidh cho gòrach ’nar cleachdadh, A’ fiachainn ri sgleò chur air gach neò-ghloin a th’annainn; Ach an Cruith-fhear glòrmhor tha ’n còmhnuidh gun pheacadh, ’S ann d’a shùilean-s’ is léir h-uile eucair a th’annainn. O, dhuine ’tha fàs aosmhor, gu dé cheaird tha thu leantainn, ’N ann ag obair do’n t-saoghal gun smaointinn air t’anam, Gun fhios gu dé ’n uair a théid do sguabadh deth ’n talamh? ’S beag is fhiach dhuinn na ni sinn mur bi sith aig ar n-anam. O, nach cùm Thu mi dlùth dhuit, gu bhi ’n dùil ri do bheannachd; Cha dean airgiod no òr do rioghachd ghlòrmhor a cheannach, A’ striochdadh le ùmhlachd, bi ag ùrnuigh gu glan ris, Ri do ghearan gu’n eisd E, ’s bheir E-fhéin dhuit a bheannachd. Bidh e ’n còmhnuidh ’gam bhualadh an doigh thruagh bha mi ’leantainn, ’S mo chridhe cho dùinte gun rùm ann do bheannachd; Ach tha ’n Tighearna ag ràitinn, “Tha fàbhar dhuit fhathast Ach cuir cùl ri do thruailleachd, ’s thoir fuath do an pheacadh.” O, nach cùm Thu air m’inntinn an ni bhios gu math dhomh, ’S an Fhirinn ag innseadh nach sìth do na peacaich, Nach cùm Thu mi dlùth dhuit gu bhi ’n dùil ri do bheannachd, ’S gu’m faighinn bàs ann an dòchas gu’m bi mo chòmhnuidh ’na dhachaidh. O, na laithean mòr’ thug E dhòmhs’ air an talamh, Nach do leig E riamh dìth orm de nithean tìmeil na beatha; Cha do dhùin E a làmh orm, cha do dh’fhàg E mi falamh, Is glòir bhi gu siorruidh do’n Fhear-riaghlaidh’ tha beannaicht.’ [TD 63] MARBHRANN D’A MHNAOI. O, nach mise tha tùrsach, dh’fhalbh gach sunnd a bha annam, Mo chridhe cho brùite, gun dùil leam riut dhachaidh; Ach an Cruith-fhear glòrmhor as fhearr còir air an anam, Ma thug e dhi fàbhar ’s e ’s fhearr na i bhi againn’. Nuair bhios mi ’nam ònrachd, bidh mi brònach ’s chan annas; Bidh mi ’smaointinn an còmhnuidh air an dòigh a bha againn; Ach am Fear a thug bhuam i, tha E truasail ri peacaich; ’S tha mis’ ann an dòchas gur ann an Glòir a tha ’dachaidh. O, cha bhi mi mar bha mi gu bràth, tha mi ’m barail; Bha mi aotrom ’nam nàdur, ’s cha robh cnàmhan ’nam chleachdadh; Ach creidibh mar fhìrinn an ni tha mi ’cantainn; Tha i ’n còmhnuidh air m’inntinn, ’s chan eil ni ann bheir as i. O, bidh mi air uairean glé ghruamach ’nam leabaidh; A h-uile taobh ni mi tionndadh, tha ’n rùm aice falamh. Gur goirid an ùine bhios agam fhéin air an talamh, Gus an cuir iad fo’n ùir mi, cho dlùth dhi ’s bu mhath leam. Leth chiad bliadhn’ bha sinn còmhla, anns an dòigh a bha againn, An riasladh an t-saoghail so, ’n rud tha daonnan a’ tachairt. Nach toir E ormsa bhi deanamh ’n rud a dh’iarr E air thalamh, Bhi ri faire ’s ri ùrnuigh; cha chuir E’ chùl rium le ’ghealladh. Ach tha sinn an còmhnuidh cho gòrach ’nar cleachdadh; Gur i obair an t-saoghail so tha daonnan ’nar sealladh; ’S tha e mar phriobadh na sùl dhomh fad m’ ùin air an talamh, Seach an t-siorruidheachd bhuan ’n gealladh cruaidh do na peacaich. [TD 64] O, chan eil e ceart dhòmh-sa bhi ’n còmhnuidh ag gearan Air obair an Tighearna tha ’gar riaghladh gach latha; Nuair a ruitheas an tìm bheir E dhuinn air an talamh, Bheir E leis sinn an uair sin do’n dachaidh bhuain as an t-sealladh. Cha d’fhàg E mise ’nam ònrachd; tha mi dòigheil ’nam bharail; Tha teaghlach gle làidir anns gach àit air an dachaidh; Ach tha aon té dhiubh còmhl’ rium, a bha bòidheach ’nam shealladh; B’e trì mìosan a pòsadh; thug sud bròn dhi nach b’ mhath leam. Ach an té bha ’ga riaghladh* ’na piantan air leabaidh, Bha a cridhe cho blàth dhi ’s a bhiodh màthair d’a leanabh; Ach tha mi an dòchas fhad ’s is beò iad air thalamh, Gu’n cùm iad air chuimhn’ i, anns gach ni bha i math dhi. ’Se seachd bliadhn’ bha iad còmhla, bha iad còirdt’, tha mi’m barail; Cha robh trioblaid no buaireadh no gruaman ’nan cleachdadh, Ach a nis thugadh bhuainn i, ’s i ’san uaigh air a tasgadh; Bidh ar cogais an sìth ruinn, nach d’rinn sinn ni ach rud math rith.’ Nuair thàinig Crìosda do’n t-saoghal ’m measg nan daoine ’na leanabh, Bha E’n achlais a mhàthar ann an stabull ga fhalach Bha na h-ainglean mu’n cuairt air, ’ga chumail suas air an talamh, Chùm gu’n creideadh an sluagh ’san Fhear-shaoraidh a th’ againn. Tha e sgrìobht’ anns an Fhìrinn mu an fhìrean tha beannaichte, A gheallaidhean luachmhor do’n t-sluagh ni a leantainn, Ge b’e a ghleidheas na h-àithntean a dh’fhàg E air thalamh, Gheibh e bàs ann an dòchas gu’m bi tròcair aig ’anam. * Frithealadh.