[TD 1] ACHD EAGLAIS NA H=ALBA, 1921 ACHD a tha cur an céill gu bheil na h-Earrannan sin laghail, anns a bheil Eaglais na h-Alba a’ cur an céill a riaghailtean bunasach a thaobh gnothuichean spioradail, agus a chaidh ullachadh le ùghdaras Ard-Shionadh na h-Eaglais. [28 Iùl 1921.] Air do Earrannan àraidh a bhi air an ullachadh le ùghdaras Ard-Shionadh Eaglais na h-Alba, anns a bheil i a’ cur an céill a Riaghailtean Bunasach, a thaobh gnothuichean spioradail, le sùil ris an t-slighe réiteach a chum aonadh a bhi air a dheanamh eadar Eaglaisean eile agus Eaglais na h-Alba—Earrannan a tha air an cur sios aig deireadh an Achd so—agus, còmhla ri atharrachadh sam bith a dh’fhaodas a bhi air a dheanamh air na h-Earrannan ceudna, no leasachadh a dh’fhaodar a chur riu, a bhios air a dheanamh d’an réir fhéin, tha iad air an ainmeachadh anns an Achd so mar “na h-Earrannan Mìneachaidh”: Agus a chionn gu bheil e iomchuidh biodh gach teagamh a thaobh an laghalachd air an toirt air falbh: Uime sin biodh reachd air a dheanamh le Mòrachd ro-òirdhearc an Rìgh, le comhairle agus aonta nan Tighearnan Spioradail agus Aimsireil, agus nan Cumantan, a tha cruinn anns a’ Phàrlamaid so, agus leis an ùghdaras cheudna sin, air an dòigh so: [TD 2] 1. Buaidh nan Riaghailtean Mineachaidh. Tha na Riaghailtean mìneachaidh ’n an Riaghailtean laghail, agus tha Riaghailtean Bunasach Eaglais na h-Alba, a thaobh gnothuichean spioradail, dìreach mar a tha iad air an cur sios annta sin, agus cha bhi crìoch sam bith air a chur roimh a saorsa, a còraichean, agus a comasan le reachd no lagh a tha buintean ri Eaglais na h-Alba, a thaobh gnothuichean spioradail, a tha riaghladh aig an àm so, oir tha e air a chur an céill leis an so, gur h-e na Riaghailtean Mìneachaidh a sheasas uair sam bith a dh’éireas ceisd a thaobh am brìgh, agus gum bi na reachdan sin uile air an gabhail an solus nan Riaghailtean Mìneachaidh, agus fo an riaghladh, agus tha na reachdan agus na laghan sin uile, cho fada ’s a tha iad an eas-cumaidh ris na Riaghailtean Mìneachaidh air am milleadh leis an Achd so, agus tha e air a chur an céil gu bheil iad gun bhrìgh. 2. Cha bhi leith-bhreith air a dheanamh air Eaglaisean eile. Chan ’eil nì anns an Achd so, no an an Achd sam bith eile, a bheanas ri Eaglais na h-Alba, a sheasas anns an rathad air a bhi toirt gnùis do Eaglais sam bith eile ann an Alba, mar Eaglais Chriosdail, fo dhion an lagha ann a bhi coimhlionadh a dreuchdan spioradail 3. Ughdaras nan Cuirtean Siobhalta. Am feadh ’s a tha gnùis air a thoirt do na nithean ris a bheil na Riaghailtean Mìneachaidh a’ gabhail gnothuich, mar nithean spioradail, chan ’eil nì anns an Achd so a tha seasamh anns an rathad air na Cùirtean Sìobhalta, ann a bhi cleachdadh an ùghdarais a thaobh gach nì a tha de nàdur gnothuch sìobhalta. [TD 3] 4. Ainmeachadh agus Toiseachadh. Faodar an t-Achd so ainmeachadh mar Achd Eaglais na h-Alba 1921, agus tòisichidh e ri riaghladh an uair a dh’fhaodas a Mhòrachd a shuidheachadh le Ordugh ’n a Chomhairle an deidh do na Riaghailtean Mìneachaidh a bhi air an gabhail a steach le Achd Ard-Shionadh Eaglais na h-Alba, le aonta a’ chuid as mò de Chléirean na h-Eaglais. EARRANNAN MÌNEACHAIDH ANNS A BHEIL EAGLAIS NA H-ALBA A’ CUR AN CÉILL A RIAGHAILTEAN BUNASACH I. BUINIDH Eaglais na h-Alba do’n Eaglais Naomh Choitchionn, no Eaglais Dhé anns an t-saoghal: a’ deanamh aoradh do’n aon Dia, uile-chumhachdach, uile-ghlic, a’ gràdhachadh nan uile, an Trionaid an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh, dhe’n aon nàdur, co-ionnan an cumhachd agus an glòir; a’ deanamh aoradh do’n Athair, a tha neochrìochnach am mòrachd, agus o bheil na h-uile nithean; ag aideachadh ar Tighearna Iosa Criosd, am Mac Siorruidh, a rinneadh ’n a fhìor dhuine chum ar teàrnadh; a’ deanamh uaill ’n a Chrann-ceusaidh agus ’n a aiseirigh; a’ toirt ùmhlachd dha mar an Ceann os cionn nan uile nithean do’n Eaglais; ag earbsa an gealladh ath-nuadhachaidh agus treòrachaidh an Spioraid Naoimh; a’ searmonachadh maitheanas peacaidh agus fìreanachadh am fianuis Dhé, tre chreidimh ann an Criosd, agus tiodhlac na beatha shiorruidh; agus a’ saothrachadh a chum soirbheachadh rìoghachd Dhé air feadh an t-saoghail. Tha Eaglais na h-Alba a’ dlùth-leantainn ris an Ath-leasachadh an [TD 4] Albainn; a’ gabhail ri facal Dhé mar a tha e an Sgriobturan an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh, mar an riaghailt as àirde air son creidimh agus beatha, agus ag aideachadh teagasgan bunasach a’ chreidimh choitchionn a tha air an stéidheachadh orra. II. Is e Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh, a tha air a shloinneadh air an Iar-mhinster—ris an do chuir an t-Ard-Shionadh a sheula ’san bhliadhna 1647, agus anns a bheil suim agus brìgh creud na h-Eaglais Ath-leasaichte—teagasgan-riaghlaidh bunasach Eaglais na h-Alba. Agus chan ’eil i ag aideachadh ùghdaras eile os a chionn, ach na Sgriobturan Naomha. Tha i Cléireachail ’n a dòigh riaghlaidh, a’ cleachdadh a h-ùghdarais tre chùirtean Seision, Cléire, Sionaidh, Ard-Shionaidh. Tha an rian agus na teagasgan bonn-charach, a tha i cleachdadh ’n a h-aoradh agus ’n a dreuchdan, agus an réiteach gach cuis-chasaid, a réir “Riaghailt Aoradh Follaiseach Dhé,” “Dòigh Riaghlaidh na h-Eaglais Chléireachail,” “Riaghailtean gu Bhi Frithealadh Lagh na h-Eaglais,” a réir is mar a bha, no mar a dh’fhaodas iad a bhi, air an gabhail anns an Eaglais, no mar a dh’fhaodas iad a bhi air an atharrachadh le achdan an Ard-Shionaidh, no le a gnàths cleachdail. III. Is i so an dearbh Eaglais gu h-eachdraidhail a chaidh ath-leasachadh ’s a’ bhliadhna 1560, agus a fhuair a saorsa air a sheulachadh dhi ’sa’ bhliadhna 1592, agus, a chum dian cinnteach a bhi oirre, a fhuair àite sonraichte an Achd Aonaidh nan rìoghachdan an 1707. Ged tha i deanamh an Achd so, chan ’eil sin no nì sam bith a tha ann a’ cur an teagamh gur h-ì dearbh Eaglais na h-Alba a bha ann bho thùs. Mar Eaglais rìoghachd, a tha seasamh air son creidimh criosdail sluagh na [TD 5] h-Alba tha i ag aideachadh gur h-e a gairm sonraichte agus a dleasdanas, meadhonan nan gràs a fhrithealadh do’n t-sluagh, tre mhinisteirean sgìre, anns a’ h-uile sgìre a tha an Albainn. IV. Chuir an Tighearna Iosa Criosd ùghdaras riaghlaidh an làimh luchd-dreuchd ’n a Eaglais fhéin anns an t-saoghal. Mar chuibhrionn de’n Eaglais choitchionn sin, tha Eaglais na h-Alba a’ faotainn uaithe-san, neach as e Rìgh agus Ceann na h-Eaglais, agus uaithe-san a mhàin, còir agus cumhachd laghannan a dheanamh agus a fhrithealadh, gun a dhol an eisimeil ùghdaras sìobhalta air thalamh, fhad ’s a bhuineas iad ri gnothuichean spioradail: is e sin, na h-uile ni a bhuineas do theagasg, agus do aoradh, agus do riaghladh, agus do oilean anns an Eaglais. Agus mar an ceudna, is ann aig an Eaglais a mhàin a tha còir a radh cò dh’fhaodas a bhi ’n am buill no an dreuchd anns an Eaglais, ciod an t-ùghdaras a bhios aig a cùirtibh agus cò bhios ’n am buill annta, ciod an dòigh air am bi luchd-dreuchd air an taghadh; na criochan a tharruing anns an saothraich a cuid mhinisteirean, agus na dleasdanasan a bhios air iarraidh orra agus air luchd-dreuchd eile. Ged a dh’aidicheas ùghdaras sìobhalt gu bheil còir agus cumhachd riaghlaidh agus frithealaidh aig an Eaglais so fo a làimh fhéin a thaobh gnothuichean spioradail, ge b’e dòigh anns an cuir e an céill an t-aideachadh sin, chan ’eil sin ’a beantainn an seadh sam bith ris an t-seòrsa riaghlaidh agus frithealaidh so, a tha aice a mhàin bho Chriosd, Ceann glòirmhor na h-Eaglais. Cha mhò tha e toirt do’n ùghdaras shìobhalt còir sam bith air gnothuich a ghabhail ri obair no ri breith na h-Eaglais, fhad ’s a tha i cumail ri a criochan spioradail fhéin. V. Tha còir aig an Eaglais so, mar Eaglais, [TD 6] agus chan fhaod an t-ùghdaras sìobhalt grabadh a chur oirre, is i ’g a chleachdadh, gu sònraichte a réir nan cumhachan a ghabh i oirre fhéin, a chum a riaghladh an uair a tha i gu dùrachdach a’ deanamh gniomh no lagh: tha còir aig an Eaglais so, mar Eaglais, a creud-riaghailt fhéin a dheanamh agus a cheangal oirre fhéin; agus a chur an céill an seadh anns a bheil i tuigsinn Leabhar Aidmheil a Creidimh; a chur am briathran eile; no teagasgan bunasach eile a chur cruinn, agus a radh ciod an dàimh anns a bheil a luchd-dreuchd agus a buill a’ seasamh riu. Ach an uair a tha i deanamh sin is ann an còmhnuidh an co-chòrdadh ri Facal Dhé, agus teagasgan bunasach a’ chreidimh chriosdail, mar a tha iad sin an Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh (a thaobh a’ cho-chòrdaidh sin is e an Eaglais fhéin as aon bhritheamh), ach a mhàin gu faod saorsa beachd a bhi aig neach air puingean nach buin do fhìor bhrìgh a’ chreidimh. VI. Tha an Eaglais so ag aideachadh gu bheil an t-uachdran sìobhalta air a chur an ùghdaras, ’n a chrìochan fhéin, le Dia; agus tha i a’ togail fianuis, mar a rinn i fad a h-eachdraidh, gur h-e dleasdanas na rìoghachd, ’n a dàimh chorporra, urram a thoirt do Dhia, an Tighearna Iosa Criosd aideachadh mar Rìgh os cionn nan rìoghachdan, ùmhlachd a thoirt do a laghannan, spéis a bhi aice do òrduighean an t-Soisgeil, urram a thoirt da Eaglais, agus anns a’ h-uile dòigh iomchuidh, a bhi gnìomhach air son soirbheachadh rìoghachd Dhé. Tha an Eaglais agus an Stàt fo fhiachan da chéile, air chor is gu faod iad, is iad gnìomhach ’n an crìochan air leth, leas a chéile a chur air adhart, an dòigh shonraichte. Buinidh do’n Eaglais agus do’n Stàt, leth air leth, a radh ciod e cho fada is a théid iad, no ciod e cho fada is e leanas [TD 7] iad, an dàimh ri chéile ann a bhi cur gu buil gach dleasdanas a tha ag éirigh as an dàimh chàirdeil sin. VII. Air do Eaglais na h-Alba a bhi creidsinn gur e toil Chriosd gum biodh a dheisciobuil uile ’n an aon anns an Athair agus ann fhéin, chum gun creid an saoghal gur e an t-Athair a chuir uaith e, tha i ag aideachadh gu bheil e mar fhiachaibh oirre dìchioll a dheanamh ann a bhi cur air adhairt aonadh ri Eaglaisean eile, anns a bheil i faicinn gu bheil am Facal air a shearmonachadh gu glan, na sàcramaidean air am frithealadh a réir riaghailt Chriosda, agus oilean air a chleachdadh gu cothromach; agus tha a’ chòir aice aonadh ri Eaglais sam bith dhe’n t-seòrsa sin, gun i sgur a bhi ’n a fìor oighre air eachdraidh agus seilbh Eaglais na h-Alba, air chumhachan a mheasas an Eaglais so a bhi an co-chòrdadh ris na h-Earrannan so. VIII. Tha a’ chòir aig an Eaglais so na h-Earrannan so a mhìneachadh, agus, an solus nan cumhachan a ghabh i oirre fhéin, a chum a riaghladh, an uair a tha i gu dùrachdach a’ deanamh gniomh no lagh, an atharrachadh no tuilleadh a chur riu. Ach bidh a’ chòir sin air a chleachdadh an còmhnuidh an solus agus an co-chòrdadh ris na tha air a chur sios anns a’ cheud rann dhe na h-Earrannan so; oir mur cumar ris an rann sin, anns an t-seadh anns a bheil an Eaglais ’g a thuigsinn, caillidh an Eaglais a dàimh ri Eaglais na h-Alba, agus a beatha chorporra. Ma ’s e is gun còrd an t-Ard-Shionadh air atharrachadh sam bith a dheanamh air na h-Earrannan so, no nì sam bith a chur riu, chan fhaodar sin a dheanamh ’n a lagh Eaglais, gus am bi e an toiseach air a chur air beulaibh nan Cléirean, anns na dearbh bhriathran anns a bheil an t-Ard-Shionadh [TD 8] ag iarraidh a dheanamh ’n a lagh, dà bhliadhna an deidh a chéile, ’s a chuid as lugha. Ma’s e ’s gun cuir dà thrian do Chléirean na h-Eaglais gu léir an aonta ris, aonchuid dìreach mar a thig e thuca, no le tomhais de leasachadh a chì na Cléirean fhéin iomchuidh, faodaidh an uair sin an t-Ard-Shionadh a chur air dòigh a rìs, an solus leasachadh sam bith a dh’fhaodas na Cléirean iarraidh, agus a chur air ais, anns an dòigh sin, gu Cléirean na h-Eaglais, ach an gabh iad ris. Ma gheibh e an uair sin aonta bho dhà thrian de Chléirean na h-Eaglais gu léir, air a chuid as lugha, faodaidh an t-Ard-Shionadh, ma chì e iomchuidh, an t-Achd so atharrachadh, facal air an fhacal ’s mar a thainig e bho làmhan nan Cléirean o dheireadh. Ach mur faigh an leasachadh a thatar ag iarraidh aonta nan Cléirean, an uair a tha e air am beulaibh air son an turus mu dheireadh, chan fhaodar an leasachadh ceudna, no fear dhe’n aon seòrsa ris, a chur air beulaibh nan Cléirean, a dh’iarraidh an aonta, roimh cheann chòig bliadhna, an deidh dhaibh an aonta dhiùltadh, agus iomradh a bhi air a dheanamh air an sin air beulaibh an Ard-Shionaidh. IX. An solus na tha air a chur sios anns an Achd so, agus an comas atharrachaidh is leasachaidh a tha air a chur an céill ann, tha riaghailtean bunasach Eaglais na h-Alba, a thaobh gnothuichean spioradail, air an daingneachadh agus air an neartachadh as ùr leis an Eaglais. Printed by MORRISON & GIBB LIMITED, Edinburgh