[DA 1] BARD BHARABHAIS [DA 2] Alex. McLaren & Sons are prepared to consider and quote for the printing and publishing of either original or out-of-print Gaelic Books. Enquiries solicited. [DA 3] [Bàn] [DA 4] [Dealbh] DOMHNULL MACDHOMHNUILL [DA 5] THE BARVAS BARD SONGS, POEMS, STORIES, AND SKETCHES By DONALD MACDONALD, Songsmith of Barvas, Lewis. NOW FIRST PUBLISHED. GLASGOW: ALEXANDER MACLAREN & SONS, GAELIC PRINTERS AND PUBLISHERS, 360-362 ARGYLE STREET. 1920. [DA 6] ALL RIGHTS RESERVED. ALEX. MACLAREN AND SONS. [DA 7] BARD BHARABHAIS DAIN, ORAIN IS SGEULACHDAN LE DOMHNULL MACDHOMHNUILL, GOBHA ANN AM BARABHAS. GLASCHU: ALASDAIR MAC LABHRUINN IS A MHIC, 360 362 SRAID EARRAGHAIDHEAL. 1920. [DA 8] CLO-BHUAILTE LE MILNE, TANNAHILL, AGUS METHVEN, 2-4 SRAID A MHUILINN, PEIRT. [DA 9] CONTENTS. 1. Iomradh Beatha a’ Bhàird, 1 2. Eilean Mo Ghaoil, 5 3. An Leodhasach an Tir Chein, 9 4. Muirneag, 12 5. An Airidh, 14 6. An Samhradh Cridheach, 16 7. Marbhrann, 18 8. Oran na Lice, 21 9 Oran an Radain, 28 10. Oran na Parlamaid, 30 11. Domhnull an Gille, 33 12. Posadh Eoghain ri Iseabal, 39 13. A’ Bhinn Chothromach, 44 14. Seamrag nan Ceithir Duilleag, 49 15. An Gairtean Srianach, 61 16. Bodach a’ Mhuilinn, 71 17. Balaich na Calluinn, 75 18. Oran d’on Deideadh, 85 [DA 10] [Bàn] [TD 1] DOMHNULL MACDHOMHNUILL. CHA’N eil duine ann an Eilean Leodhais nach cuala iomradh air cuspair ar n-eachdraidh aig an àm so—Dòmhnull Macdhòmhnuill, bàrd agus gobha Bharabhais. Rugadh ar caraid an Gaubhsunn am Barabhas ’s a’ bhliadhna 1861. ’S e clachair a bha ’n a athair, agus fìor bhàrd cuideachd, agus mar sin, tha mi creidsinn gur h-ann bho dhualachas a thug Dòmhnull an comas bàrdachd a bha aige. Bha fiosachd tha e coltach aig cuid de na cailleachan Leodhasach ’s an àm ’s an d’rugadh Dòmhnull, oir thuirt iad, ’n uair nach robh e fhathast ach ’n a naoidhean gu’m biodh e ’n a bhàrd, a chionn gu’n robh dà fhiacaill aige ’g a bhreith. Có dhiùbh ’s e so a b’ aobhar no nach e, cha robh fiosachd nan cailleachan am amearachd d’ a thaobh-san. Thòisich e ri ionnsachadh a cheaird an Steornabhagh fig ochd bliadhna deug, agus as a sin chaidh e gu Deimhidh aisg air Inbhirnis, far an d’rinn e ’cheud òran—Oran na Lic. Bha e fhéin ag ràdh ruinn gu’n robh fhios aige an déidh an orain sin a dheanamh gu’m bu bhàrd e. Ach is ann an uair thàinig bàrd Bharabhais dhachaidh gu Eilean an Fhraoich, ’s a fhuair e e fhéin gu comhfhurtail a’ bualadh an uird ’n a cheardaich fhéin a dh’ fhàs a chliù mar bhàrd cho mòr am measg a luchd-dùthcha. Cha’n eil neach a leughas thairis a bhàrdachd nach fhaic gur neach e aig an robh spéis iongantach do dh’ obair nàduir mu’n cuairt da. Bha e ’faicinn Dhé ann an obair nàduir, agus a’ cur luach air uile obair a’ chruthachaidh gu léir mar [TD 2] chuspairean a bha gun mheang gun sgòd a’ tighinn a mach bho innleachdan diomhair Ughdair na cruinne. Mar ’bha Donnachadh Bàn a’ luaidh air àilleachd agus maise Bheinn-Dòrain air an robh e min-eòlach, mar sin bha bàrd Bharabhais a’ gleusadh teudan a cheolraidh ann a’ bhi cur an céill a mheas air Muirneag Leodhais a bha gach là sealltuinn sios air ’ionad-còmhnuidh. Tha mi creidsinn nach eil mòran de mhuinntir Bharabhais a’ faicinn maise sam bith ann am Muirneag; ach ’s e tha esan ag ràdh:— “Muirneag Leodhais, Muirneag àlainn, Muirneag a’ chùil duinn ’s a’ chàrnaich, Leam bu mhiann a bhi air d’ àiridh, Air a’ mhòintich àrd an Leodhas.” B’ e ’mhiann a bhi geur-bheachdachadh air obair nàduir, ’s a bhi cur sin ann am bàrdachd, agus anns an oidhirp sin, rinn e an t-aon is tlachdmhoire de ’òrain gu léir—Eilean mo Ghaoil— cliù maise nàduir agus a dhaimh ris, mar tha sin air fhaicinn ann an Eilean an Fhraoich. Fhuair an t-òran so a’ chiad duais aig Mòd Ghlaschu agus is airidh e air sin. Cha’n eil ni nach eil gràdh aige dha, na beanntan, na glinn, an cuan, an t-iasg, na h-eòin, an oigridh agus eadhon “gach cùil, gach lùb, gach coire agus càrn” a tha ’n eilean a ghaoil. Tha miann a chridhe plànntaichte, ’s gach ni mu’n cuairt, ’s na beanntan uaine, ’s na glinn réidh, ’s na h-aibhnichean tormanach a’ dian-ruith gu cuan, an eunlaith na speur, agus an uile obair a chruithfhear ’s na neamhan ’s air an talamh agus ’s an doimhne iochdraich. Tha so fior mu gach fior Ghàidheal, ach tha mi creidsinn gu’m bheil spiorad na bàrdachd a’ cur loinn na’s maisiche agus eudach na’s boidhche air na cuspairean a tha so. [TD 3] Cha’n fhiosrach leam gu’n d’ rinn e aon òran gaoil, agus cha mhisde leam sin idir. Cha’n eil duine ’chuireas dà fhacal cuideachd nach ann air gaol a thòisicheas e, ’s b’ e ’n call gu’m bithte ’deanamh cùis-mhagaidh do’n ni urramach sin le briathran nach fiù. ’S ann a bha ar caraid aig àirde ann an òrain éibhinn. Fhuair aon diubh so—Dòmhnull an Gille—’chiad dùais aig Mòd Ghlaschu. Rinn e òrain éibhinn do radan a bha cur dragha air, ’s do’n t-siataig, agus fear eile do’n déideadh, agus tha òrain thaitneach aige air Fàsachadh Ghaubhsunn, An Leodhasach an dùthaich Céin agus An Leodhasach a’ tilleadh Dhachaidh. Bha deadh ghuth aige, ’s, mar sin, cha robh cuirm-chiuil ’s a chearnaidh sin de Leodhas iomlan gu’n bhàrd Bharabhais a bhi ’s a chuideachd. Bha ’òrain éibhinn a’ call leth an tlachd ’nuair nach robh iad air an seinn leis fhein. Cha robh féith’ ’n a chorp nach robh e cur an cumadh àraidh ’n uair a bha e ’g an seinn, ’s gu’n saoileadh thu mar sin gu’n robh aodann a’ labhairt nam facal a tha e ’seinn. Chaochail e ann am Barabhas air an dara latha de’n Dudhlachd 1916, agus tha sinn cinnteach gu’m bi muinntir Leodhais toileach air a bhàrdachd fhaicinn ann an clòth mar chuimhneachan air buadhan a cheolraidh. I. N. M. Rabhadh:—Tha sinn fo chomain do’n Chomunn Ghàidhealach a thaobh an cead a thoirt dhuinn gus a’chuid de obair an Ughdair a choisinn duaisean aig Mòid a’Chomuinn a chur an clòth an so. A. MacL. & M. [TD 4] [Bàn] [TD 5] EILEAN MO GHAOIL. GLEUS A.—Meadhonach luath, ach gu h-aighearach. FONN. [Sol-Fa] Eilean mo ghaoil! Is caomh leam eilean mo ghràidh, Eilean mo ghaoil! Is caomh leam eilean mo ghràidh, An Eilean an Fhraoich bidh daoine ’fuireach gu bràth, An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh. Is toigh leam gach beinn, gach gleann, gach tulach is òs, Gach sruthan is allt gu mall ’tha siubhal gu lòn. Is toigh leam am feur ’s gach geug a chinneas air blàr, An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh. Is toigh leam an spréidh ’tha streup ri mullach nam beann, An canach ’s am feur ’s gach geug a thogas a ceann, O! ’s toigh leam gach cùil, gach lùb, gach coir’ agus càrn, Tha ’n eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh. [TD 6] Is toigh leam an cuan ’tha cuartach’ eilean mo ghràidh, ’S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu tràigh. Is toigh leam na h-éisg, ’s gach creutair beag a ni tàmh, An eilean mo ghaoil: is caomh leam eilean mo ghràidh. Is toigh leam an òigridh, cheolmhor, cheanalta, ghrinn, A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn. Is toigh leam gach gruagach shuairc’ tha ’g imeachd air sràid, An eilean mo ghaoil: is caomh leam eilean mo ghràidh. Is toigh leam gach eun ’th ’air sgiath an eilean mo ghràidh, Bidh uiseag na speur ag éigheach madainn gach là. Bidh smeorach nan geug ’s i fein a’ seinn air a gràdh, Do eilean mo ghaoil: is caomh leam eilean mo ghràidh. Bidh coirc agus eorn gu leòr an eilean mo ghraidh, Bidh biadh air a’ bhòrd is còrr mu choinneamh gach tràth. Bidh aois agus òg gach là ri faighil an sàth, An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh. Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann, Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is farum nan allt. Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach là, Air eilean mo ghaoil: is caomh leam eilean mo ghràidh. Tha ’ghealach ’s a’ ghrian ag iathadh eilein mo ghràidh, ’Toirt thairis am miann gu siol a thabhairt gu fàs. Tha ùghdar nan reult E Fein ag amharc gach tràth, Air eilean mo ghaoil: is caomh leam eilean mo ghràidh. [TD 7] [Beurla] [TD 8] [Beurla] [TD 9] AN LEODHASACH AN TIR CHEIN. AIR FONN:—“Coire-cheathaich.” Gu’n suidh mi stòlta’s gu’n dean mi òran, Do Eilean Leodhais, ’tha fada thall; Do dhùthaich m’ eòlais an t-àit’ am b’ òg mi, A’ ruith gu sòlasach mu gach tom: A’ buain nan ròsan am measg nan neoinean, ’S mo chridhe deònach a’ togairt leam, Ag éisdeachd ceòlraidh bhinn na smeòraich, A sheinneas bòidheach a ceòl air crann. Gur mis’ ’tha truagh dheth ’s an dùthaich fhuair so, Tha’n sneachda cruaidh air mo chluasan reot’; Cha’n fhaic mi luachair no fraoch ’s dath uain’ air, Ach coille ghruamach ’toirt uam nan neòil, Cha chluinn mi sòlas bho ’Luain gu ’Dòmhnaich, ’Measg na h-òigridh a’ togail fuinn. Cha chluinn mi òran ’g a sheinn gu còmhnard, ’Us mis’ ’tha brònach ’s gur leòint mi ann. Ochoin, ’s e b’ àill leam gu’n robh mi ’n tràth so, An tìr mo ghràidh—Eilean blàth an Fhraoich, Bhithinn sàbhailt am measg mo chàirdean, ’S an tìr mo mhàthar cha’n fhàsainn aosd’. Bhithinn sàbhailt am measg mo chàirdean, ’S an dùthaich àghmhoir a ta gun ghaoid. Tha grian a’ dealradh bho gach àird’ orr’, A’ toirt fàis air na blàthan faoilt. [TD 10] Tha’n dùthaich dhùbhlaidh ’tha ’n so gun sùgradh, Gach neach ’us grùig air, ’s a ghnùis gun réit, Tha teas an t-samhraidh a’ tighinn cho teann orr’, Ri toirt anntlachd a steach ’n an crè. Tha fuachd a’ gheamhraidh mar sin a’s amhluidh ’S e cainnt nan Gall a ta ac’ gu léir. Cha chluinn mi ’Ghàidhlig a bh’ aig mo mhàthair, A’ chainnt a’s fearr leam a ta fo’n ghréin. A’ Ghàidhlig bhlàth sin a bh’ aig mo mhàthair ’N uair a bha mise òg ’us maoth, A’ tighinn le h-àillteachd a steach ’n am’ àirnean, A’ toirt gairdeachais gu mo chrìdh’. ’S mi ’tha cràiteach ’s mo chridh’ air fhàsgadh, ’S cha’n e’n t-slàint’ a tha air mo dhìth, Ach ionndrainn làthail air cuid do m’ chàirdean, A rinn mi fhàgail fo sgàil an fhraoich. Fo sgàil an fhraoich sin a ta cho faoilte, B’e mo shaorsainn a’ bhi ’n a chòir. ’Bhi air àirigh ri mire ’s mànran, ’Us bainne blàth aig gach tràth ’g a òl. Ag éisdeachd ceòlraidh nan eunlaith bhòidheach, Air bruaich nan àrd bheann ’s na geugan òg, ’S e sin an t-àit’ anns an lùiginn tàmhachd, ’Us anns an càirte mi fo’n an fhòd. Tha fòid mo dhùthcha ri tighinn cho ùr dhomh, ’S gur tric mo shùilean ri sileadh dheoir. Tha feasgar dùbhlaidh mo là air dlùthadh, ’S cho mhòr an ùine ’bhios agam beò. [TD 11] Tha mo chiabhan a nis air liathadh, Mo phears’ air crionadh is i gun treoir. Mo chridh’ tha piantail gach là ag iargain, Na dùthaich riabhaich ’s an robh mi òg. Na’n tigeadh m’ òige nis orm gu m’ chòmhnadh, Is mi gu’n seòladh; cha deanainn dàil. Chithinn Mùirneag ’us beanntan Uige, ’S gach feadan siubhlach ’tha ruith gu tràigh. Chithinn luachair ’us fraochan uaine, ’S an dìthean luaineach a th’ air am bàrr. ’Us chluinninn duanag ’g a seinn aig gruagaich A bheireadh smuain uam aig tùs mo là. [TD 12] MUIRNEAG. SEIS— Mùirneag Leòdhais, Mùirneag àlainn, Mùirneag a’ chuil duinn ’s a’ chàrnaich, ’S ann leam bu mhiann a’ bhi air t-àiridh, Air a’ Mhòintich àird an Leòdhas. Cha tig uasal do an dùthaich Nach bi ’g amharc air do stùcaibh, Gloineachan ’g an cur ri ’shùilibh Gus am faic e Mùirneag Leòdhais. Cha’n ’eil maraich’ air na cuantaibh Nach bi ’g amharc riut air uairibh, Bidh fear ’s a’ chrann aig àm a’ chruadail, Gus am faic e gruagach Leòdhais. Cha’n ’eil culaidh bheag air sàile, Cha’n ’eil faoileag bhàn a sheòlas, Cha’n ’eil eun air sgéith ’s an àite, Nach toir Mùirneag sgàth doibh còmhla. ’S e miann gach eòin a bhi air t’ fheurach, ’S e miann gach féidh a bhi le ’chròicibh, A’ gabhail fasgaidh sir do bheulthaobh ’S iad gun fhiamh a riamh fo d’ sgòidibh. Tha gach tulach beag ’us garbhlach, ’Us beinn Bhàrbhais ’s i fo t’ òrdugh, Beanntan Uig th’ an sùil gu léir ort, Gus am faigh iad féin do chòta. [TD 13] Tha gach beinn fo bhinn do chòmhraidh, Tha na glinn a’ seinn duit orain, Na lochan tàimh ag ràdh gur neònach, Mar tha ’n sùil air Mùirneaig Leòdhais. Gach fear-seilg a’ dh’ fhalbhas mòinteach Chi thu le do chrùn cho bòidheach, Seileach caoin ’us d’ fhraoch fo neòinean, Air ceann dualach gruagach Leòdhais. Bidh coilich choille gu moch a’ triall riut, Bidh a’ chearc riabhach ’s i ri gògail Gus an luidh iad air do chliathaich ’S an àite ’is miannach leò ’bhi còmhnuidh. Tha beanntaichean an Eilein-Sgiathaich ’S a’ bheinn riabhach air a’ Mhòrthir, Is iad ’g iarraidh tighinn dlùth dhuinn Gus am faic iad Mùirneag Leòdhais. Bha mo sheanair tric air d’ àiridh, Buachailleachd nam bà fo òrdugh. ’S tha gach linn ’g a d’ fhaicinn uaine, Anns a’ cheann a tuath de Leodhas. [TD 14] AN AIRIDH. AIR FONN:—“An téid thu leam, a ribhinn òig.” Fonn— An téid thu leam, a ribhinn donn. A null ’n ar deann gu tìr nam beann. ’S gu’n téid mi leat air feasgar fann, A mach an gleann gu àiridh. Chi thu canach, chi thu fraoch, ’Us chi thu lochan air gach taobh, Chi thu eòin le ’n àlach maoth, Air tulaich chaoin na h-àiridh. Chi thu’n crodh ’s na laoigh air cluain, A’ cnàmh an cìr ’s an fheurach uain’. Chi thu ’bhanarach gun ghruaim, ’G an cuartachadh gu àiridh. Chi thu nead na circ fo ghéig, Le uibhean ballach ’n taic’ ri ’chéil’, ’S air mullach tuim bidh laogh an fhéidh, Ag amharc geur air àiridh. Chi thu seillean beag gun sgios, A’ leum le sùnnd air bàrr na brìd. Bidh mil ’s a’ chìr gu h-odhar mìn, Ri bruthach taobh na h-àiridh. [TD 15] Chi thu luachair uaine ’fàs, ’Us dìthean chùbhr’ gu h-ùr fo bhlàth, ’S an osag ghaoith a’ teachd bho’n àird, A’ sgapadh ceò na h-àiridh. Chi thu feadain chaim ’us òis, ’Us uisge sèimh a’ ruith gu lòn. Chi thu ’m breac a’ trusadh stòir, Air lochan taobh na h-àiridh. Chi thu’n ceò air chòrr nam beann, A’ tuirling sios air sliabh ’us gleann, ’S a dh’ oidhch’ ’s a là bidh eòin a’ seinn, Air coibhnealas na h-àiridh. Gheibh sinn bainne fuar ’us blàth, ’Us gheibh sinn gruth ’us ìm ’us càis. ’S a ribhinn òig a ’s grinne gnàths, Na diult a dhol gu àiridh. [TD 16] AN SAMHRADH CRIDHEACH. Tha caochladh na h-aimsir a’ dearbhadh dhuinn fòs Gu’m beil thu ri tighinn le cridhe gun ghò, Bidh aoibhneas air sléibhtean ’s air gach creutair tha beò. Togaidh cuileagan fann ’mach an ceann fo na fòid. Co sheirm— Tha thu Shamhraidh a’ tighinn, gun tìth gun tìth! Gheall thu bhi cridheach, gun sgìos! gun sgìos! Thig thu gun dàil le do bhlath-fhrasan mìn, A dh’ ùrachadh lòin do na h-òg mheasan faoilt. Le do dhrùchdanan cùbhraidh toirt lùth do gach feur; Bidh do ghrian mhaiseach mhiarach toirt biadh do gach géig, Gu boinnealach, carthannach, fallusach, réidh, Bidh t’ anail chaoin fhallain toirt neimh as gach creuchd. ’S tu màthair nan geugan; ’s tu freumhan nan craobh, ’S tu leighich gach eucail; cha chuir thu creutair fo dhaors’. ’S tu cungaidh an fheumaich le do shéideagan caomh, Osag chùbhraidh an t-samhraidh ’ruith ’na deann am measg dhaoin’. Gu siùbhlagach, cùileagach, muirnealach, fann; Gu mòdharach, ceòthanach, bidh do mhògail ’s gach gleann; Bidh ’n eunlaith ri ceòl dhuit air meòirean nan crann, ’S an seillean beag eibhinn a’ leumraich le srann. [TD 17] Ann an sgoltadh na creige bi céig’ladh àil òig. Bidh ’n òrag san rùideag an cuideachd na corr; Bidh ’n colman air uighean an sgùraich na còis, ’S fo chiabhaich a’ chreagain bidh ceilear is ceòl. Thig an traon as a’ ghàradh gu stiallach stràiceil mar chleachd; Thig searrach teilleach na làradh, ’n cois a mhàthar gu beart; Thig an clacharan gìobach as an t-sìthchrith gun neart, ’S bidh uain bheaga ri mèilich air na lèanagan glas. Thig an cuan gu bhi réidh dhuit, ’s thig na sleibhtean gu dreach; Thig gach slagan is bruachag gu bhi uain’ agus glas, Le do dhealtag ’gan neartach gu cabhagach bras, Bheir thu cobhair as ùr do gach glùn a tha lag. Ni thu tràghadh air lòin, ’s ni thu òl as gach clais; Ni thu sruthain is òis tioram còmhnard fo ’r cois. Le do fhrasagan drùidhteach cha dean thu ciurradh air neach, Bidh duilleag fhallain nan craobh gach là sgaoileadh le teas. Bha daoine ag earbsa bho ’n dh’ fhalbh thu air chuart, Gun tigeadh tu rithist air slighean a’ chuain. Aon uair anns a’ bhliadhna thig thu bhiadhadh an t-sluaigh, ’S teichidh reodhadh is siantan roimh shamhradh grianach nam buadh. [TD 18] MARBHRANN. AIR FONN—“Màiri Bhàn Og.” Tha Eilean an Fhraoich a’ caoineadh tharad, ’S an smaoin ’g ad’ leantuinn gu luath, Tha naigheachd do bhàis ’s gach cearn air ’aithris, ’S cha’n àicheadh neach e le fuath. Tha sean agus òg ’s na slòigh do ’m b’ aithn’ thu, Fo bhròn gu’n deach’ thu do’n uaigh. Ach éiridh tu ris mar rìgh le caithream, ’S bidh caochladh dreach air do ghruaidh. O, ruith thu an réis mar threun fhear turuis, Le ceum gun mhulad gun ghruaim, Air thoiseach na spréidh a’ leum thar tulaich, Le spéis do’n Urras ’tha shuas. Do chreideamh cho làn ’s do ghràdh cho buileach, A ghnàth ’g ad’ chumail air ghluas’d. Mar churaidh gun sgàth roimh nàmhaid dhuilich, Gach là ’toirt urraim do’n Uan. Cha d’ fhuair thu bàs, ged dh’ fhàg thu ’n talamh, ’S gach cràdh a bh’ agad ’us creuchd. Cùram na h-aois cha mhaol thu tuilleadh, Ach naomh bidh ’n sealladh do Dhé. [TD 19] Air do dhearbhadh mar òr gu mòr le teine. Mar òighe mhaisich gun bheud. Tha nise d’ fhear-pòsd’ mar shòlas agad, ’S tigh còmhnuidh agaibh air neamh. Carson a bhios gruaim air sluagh a’ bhaile, Ged ghluais thu thairis gu d’ thàmh. A gheug a tha ’crionadh sios ’s i abuich, Cha’n iarr sinn fantuinn gu bràth, B’e t-fhuasgladh bho ’n fheòil do cheòl ’s a’ mhadainn Cha b’ bhròn a bh’ agad ’s a’ bhàs, Ach éirigh bho shios mar ian bho’n talamh, Air sgiathan fallain a’ ghràidh. Bidh cuimhn’ ort gu bràth air sgàth do theagaisg, ’S gach àit’ air feadh an taoibh tuath, Bho dhùthaich nam beann gu ceann Lochabar, ’S a nall ri iomall a’ chuain. An Eilean a’ cheò ’s air mòr-thìr uile, Bha t-eòlas milis ri ’luaidh. Tha’n eaglais mhòr fo bhròn ’s fo mhulad, Chaidh Dòmhnull nis a thoirt uaip’. Bha Dòmh’ll Mac-an-léigh mar gheig ’s i fallainn, ’S a freumh ’s an talamh gu teann, Cha ghluaiseadh a’ ghaoth a h-aon dhe ’duilleach, ’S cha’n aomadh gaillionn a ceann. B’e ’toradh an gràdh ’s b’e ’dàn an creideamh, Cha robh àit’ aig teagamh ’n a còir, Mar lili fo bhlàth fo sgàile creige, ’S a h-àillteachd maiseach gach lò. [TD 20] Mar dhealan nan speur gu’n d’ leum thu thairis, ’Us thréig an spiorad an fheòil, Thu nise mar reult le eudach geal ort, Gun fheum air aran no lòn, Thu’n cuideachd an t-sluaigh mu chuairt do’n chathair, ’S an t-Uan ’na meadhoin mar ròs. Tha cupan a’ ghraidh gach là ’g a bhlasad, ’S a lànachd agad an glòir. [TD 21] ORAN NA LICE. Air fonn:—“Turus Dhòmhnuill do Ghlaschu.” ’S ann agam tha naigheachd, Nach dean mi chleith air mo chàirdean. Oidhche ’Haoine bha’n t-uisg ann. Theab an t-snighe mo bhàthadh. ’N uair a dhùisg mi ’s a’ mhadainn, Dheanadh arspagan snàmh ann, ’S thug mi taing do an Fhreasdal, Gu’n robh mi faisg air a’ cheardaich. ’S am biodh an teas. ’N uair a dhiobair an t-uisge, ’S a rinn e taoradh ’s na h-àirdibh; Thainig fuachd agus crannadh, ’S bu toil leam teine bhi làmh rium Chuir mi teinntean an òrdugh, ’S chaidh an ceò do an fhàrlas, ’S chaidh mo cheann ann am bòilisg ’S iarraidh lic’ anns gach àite. ’S cha’n fhaighinn gin. [TD 22] ’S ann thuirt Uisdean, “a Dhòmhnuill, Tha té bhòidheach ’s na h-uaighean Rach fhéin leis a’ bharra, Agus tarruing a nuas i. Cha ’n ’eil duin’ anns a’ bhad sin, A their facal no ghluaiseas, Cha’ n’ eil ann ach na cnàmhan, ’S tha na clàrsaichean fuar ann. ’S cha chan iad smid. Rug mis’ air a’ bharra, ’S thug e glag ’n a mo làmhan, ’S thug mi fuaim air an rathad, ’S mi mar each ann an càrn leis, Chaidh mi stigh air a’ chath-bhearn’, Fhuair mi chlach air a càireadh, ’S mu’n canadh tu facal, Bha mise ’s a’ cheardaich, ’S mi ’n a mo ruith. ’N uair chaidh mi do’n leabaidh, Dhùin an cadal mo shùilean Ma’s do luidh mi ach tacan, Thainig tannasg ’g am’ dhùsgadh. Chaill mo chluasan an claisneachd, ’Cluinntean tartar ’s na cùiltibh, Cha robh cabar no sgealb ann, Nach robh falbh as na h-ùisnean, Os cionn na cloich. [TD 23] ’S ann a shaoil leam bha samhla, ’N taobh thall de an t-seomar, ’S thuirt mi ris, e thighinn fagus, ’S gu’m faighinn facal de chòmhradh, “Dé’n cron a rinn mis ort, Na chuir idir a’ m’ chòir thu, Fac’ thu riamh deanamh mort mi, Na’n robh fuil air mo mheòirean, ’S mi ann an ciont”? Thuirt an samhla ’s e freagairt, Na biodh eagal no fiamh ort, Cha d’ thainig mise gun ghnothach, ’S mi cho domhain air m’ thiodhlac’. Ma bha thusa gun leacan, Nach robh pailteas ’s an t-sliabh dhiubh, Bha i so aig mo chasan, Thug thu leat i gun iarraidh. ’S e thoill thu’n lagh. Thuirt mi-fhéin ris an t-samhla, ’S mòr an call nach do shaoil mi. Gu’n robh i riamh aig do chasan, ’S cha tugainn as i le aogasg. Ach ma ni mi ’cur dhachaidh, ’Faigh mi cadal gu saòrsail, No’m faic mi duine dhe d’ sheorsa, Fhad ’s is beò mi ’s an t-saoghal, A’ tighinn cho faisg. [TD 24] Thuirt an samhla ’s e freagairt, Na cuir dragh air na h-uaighean, Bidh ’n fhuil ag éigheach bho’n talamh, Ris gach neach a ni ’n gluasad. Is peacadh mòr e do dhaoine, Tha ’s an t-saoghal air chuairt ann. Bhi cur dragh’ air na dh’ fhàg e, Gur h-e ’m bàs a bheir duais dhoibh, Airson an ciont’. ’Nuair a thainig a’ mhadainn, ’S a rinn mi ’n eachdraidh do dh’ Uisdean, ’S ann a thòisich e ’magadh, “Dè ’n tartar a dhùisg thu”? Cha toir mi feairt air do chòmhradh, Tha do bhòileich cho suarach. ’S iomadh clach de an t-seòrsa, Tha’ n tigh Thòmais ud shuas dhiubh, ’S cha chual’ iad dad. Slàn leat, ma tha, ’Uisdein, Tha mise ’n dùil a bhi gluasad. Theid mi dhachaidh do Leodhas, Far bheil mòran do dh’ uaislibh Ged nach eilean ro-mhòr e, Tha rian bhi beò aig an t-sluagh ann, Le iasg agus aran, le bainne ’s le uachdar, ’S le ìm air leth. [TD 25] UISDEAN. Na bi moladh do dhùthcha, Cha robh cliu ro mhath riamh oirr’ Bha mise leughadh an eachdraidh, Gur h-e sgadan bu bhiadh dhoibh. Iad ’ga ith’ as a’ bharaillt’, Gun an salann a riamh air. ’S math an t-annlann buntàt’ e, Bho’n tha càil aig na biasdan. Gu ithe leis. DOMHNULL. ’S math a dh’ itheadh tu sgadan, ’S math a chagnadh tu riamh e, Ged nach d’ fhuair thu dhe baraillt’, Air a shailleadh ’n a chiadan. Luach sgillinn no dhà dhe, ’S e b’ àbhaist dhuit iarraidh, Bho nach ruigeadh do stòras, Air an còrr thoirt a nios dhe, ’S e b’ fhearr leat lit’. UISDEAN. Ged nach eil mi de’n phàirt sin, Th’ air am pàigheadh bho’n Bhàn-righ, ’S tric tha sgillinn ’nam phòca, Ged a dh’ òlas mi dràm dhe. Tha mi togail mo theaghlaich, ’S cha’n eil éis orra ’n annlann, Faic Eiric mo nighean, Tha i sgiobalta sealltainn, ’S i greannar gasd’. [TD 26] DOMHNULL. Tha i greannar an còmhnuidh, ’S cha’n’ eil pròis fo na ghréin innt’. Bidh i tric air an leabaidh, ’S i a’ gal leis an déideadh. Ceann mar mhuillinn a’ ghlagain, Coguis chadalach, chéileach, Teanga bhriagach gu conas, ’S ann a choisinn i ’ceusadh, Gu teann ri posd’. UISDEAN. Tha mi ’togail ort fianuis, Gu bheil a’ bhriag ’n a do chànain, Bheir mi suas do na chléir, thu, Bho nach d’ éigheadh ’nad’ bhàrd thu Thug thu ’cliu bho na chaileig, ’S thug thu masl’ air a màthair, ’S rinn thu òran d’ a h-athair, Mu na chloich thug do làmhan, A nuas bho’ n chladh. DOMHNULL. Mur a h-éisd thu dhe d’ chòmhradh, Ni mi òran as ùr dhuit, Theid a dh’ ionnsaidh gach paipeir, ’S a theid a leughadh ’s gach dùthaich; ’S ged nach d’ éigheadh ’nam bhàrd mi, Air sràidean nam bùintean, Dheanainn facalan òrain, Nach còrdadh ri Uisdean, Na ’m b’e mo thoil. [TD 27] UISDEAN. Ged a dheanadh tu òrain, Cha’ n’ eil còir agad m’ aoireadh. Carson nach còrdadh sinn cuideachd, Ged nach d’ rugadh ’san tìr thu. Pòs fhéin agus Eiric Bho’n a tha thu an geall oirr’, ’S gheibh tha aitreabh mar thochradh, Air a togail le Anndra, Aig ceann an tigh’. DOMHNULL. Ged a gheibhinn mar thochradh, Crodh bainn’ agus laoigh ac’, Tigh mòr agus fearann, Gu’n am faighinn bho’n oighre. Cha phòsainn gu bràth i, Bho nach càireadh i m’ aodach, ’S bho nach figheadh i stocain, ’S ann a choisinn i h-aoireadh, ’S i slaodach leisg. [TD 28] ORAN AN RADAIN. O! radain a’ bhalla, ’Bheil dùil agad fantuinn gu bràth! Carson nach rachadh tu ’Ghallaobh, A dh’ iasgach an sgadain le bàt’. An fhearr leat fuireach aig baile, A’ sgriobadh nam praisean air càch, Na’n gabhadh tu comhairl’ do charaid, Bhitheadh d’ imrich thairis air sàl. ’S ann anns a’ gheamhradh an uiridh, A thainig thu dh’ fhuireach an taobh-s’, Cha deachaidh mi riamh ’na do chòmhradh, Cha’n fhaicinn do shròn anns a’ chùil. Bha thu cho carach an còmhnuidh, ’S gheibheadh tu beo-shlàint’ có dhiù, Tholladh tu ’chiste le d’ ìnean, ’S nach muladach dìblidh do chliu. Tòisichidh mise ’g ad’ aoireadh, ’S cluinnidh an saoghal do cheaird, Cho luath ’s a thaisgear an teine, ’S a theid sinn a chadal gu tàmh. Tòisichidh tusa le d’ ìnean, A mhoisein, air sgriobadh a’ chlàir, A’ briseadh gach cuach agus truinnsear. ’S cha’n fharraid thu ’m prìs airson pà’ dh. [TD 29] ’S e mo dhùrachd a bhraidein, Nach fhuirich thu là na oidhch’ Oir bheathaich mi fada gu leor thu, Gun sgillinn ri d’ bheò a’ thoirt dhuinn, Cha toir thu dhachaidh cliabh mònadh, ’S cha tharruing thu eorn’ air do dhruim, ’S dé ged bheirinn gu Mòd thu. Cha’n fhaigh mi do shròn ás na tuill. Na’n rachadh tu sios do’n mhachair, Gheibheadh tu gearran ’us eòin. Gheibheadh tu maorach ’s a’ chladach, ’S gheibheadh tu bradain an Cròig. Dh’ fhàsadh tu reamhar ’us sgiamhach, Tha d’ fhiaclan fada gu leòr, Cho fad ’s a bhios eathair ’us lion ann, Cha bhi thu gun iasg air do bhòrd. Na’n rachadh tu ’Steornabhagh ’dh’fhuireach, Gheibheadh tu beò-shlàint ni b’ fhearr. Gheibheadh tu tea agus siùcar, A mach ás na bùitean air dàil. Ma chithear a muigh thu le daoraich, A’ mionnan ’s a’ caoch air an t-sràid, Cuirear a stigh thu am priosan, ’S cumair fo chìs thu gu bràth. [TD 30] ORAN NA PARLAMAID. Bhruadair mise féin an raoir, Gu’n robh mi oidhch’ ’s a’ Phàrlamaid. Bha na h-uaislean uile cruinn, Gun chuimhn’ ac’ air a’ Ghàidhealtachd, Bha cùis na h-Eireann ac’ air bòrd, Is mòran ann am fàbhar ris; ’S e thuirt mi fhéin nach rachainn clì, Ged bheirinn sgrìob air pàirt aca. ’S ann dh’ éirich mi gu duineil suas, Is thug mi fuaim air Gàidhlig dhoibh, Chrom na h-Eireannaich an cluas, A chluinntinn fuaim mo chànain-sa. Na Sasunnaich ’n an suidhe thall, Is car ’n an ceann ri gàireachdaich, ’S e thuirt iad rium an cainnt nan Gall, Cha toir sinn fonn no fàrdach dhuit. Sin dh’ éirich fear le còta ruadh, Is aodann gruamach màrant’ air, ’S e thuirt e rium mi shuidhe sios, Gu’n bhris mi riaghailt Pàrlamaid, Tha lagh againne dhuinn féin, ’S tha seula aig a’ bhan-righinn air, Nach faod sinn idir a bhi réidh, Ri éisdeachd ris a’ Ghàidhlig bhuat. [TD 31] Cha b’ ann gu suidhe chaidh sin dhòmhs’, Ach bhòidich mi nach fàilnichinn, Gu ’n innsinn dhoibh bun mo sgeòil, Còrdadh e no fàgadh e. Thuirt mi riù ’n clàr an aodainn, Sgaoilidh mis’ am màireach sibh Mur toir sibh fearann dhuinn gu leòr, Is àite còmhnuidh sàbhailte. Dh’ éirich caraid air mo chùl, ’S thuirt e ’s tù mo nàbuidh-sa Bha mi ’g iarraidh sin bho thùs, Airson gach dùthaich fhàsachail; Ach bho’n thainig thusa nall, Bho thìr nan beann do’n àite so, Cuiridh sinn gach ni air dòigh, Do Leodhas mar a’s fearr leat e. Dh’ éirich fear a bh’ aig a’ bhòrd, Is cleòca sios gu shàilean air; Is thuirt e rium am Beurla chruaidh, Cha toir sinn cluas an tràth so dhuit. Tha cùirtean fearainn agaibh fèin, ’S éisdidh iad ’s a’ Ghàidhlig riut; ’S ma tha fearann ort a dhìth, Thoir sgriòb a null gu Stràilia. Thuirt mi gur h-i chùirt ud thall, A chuir a nall an dràsda mi; ’S thuirt iad rium a dhol a nall, Gu’m faodainn Gaubhsunn àiteachadh; [TD 32] ’S thuirt mi, “mar a bi sibh còir, Ri tir Mhic Leoid ’s na h-àrd-bheannaibh, Cha’n fhaigh sibh gu siorruidh vote, Bho thigh Iain Ghròit gu Arasaig.” ’N uair a chual’ iad bun mo sgeòil, Gu’n d’ thòisich iad air mànranaich, Shamhlaich mi iad ris na geòidh, A’ gogail air na fàsaichean. Thainig fear a dh’ innseadh dhòmhs’, Nach b’ ann le còir a thàinig mi, “Cuiridh sinne thu do na phriosan, ’S iocaidh tu do Ghàidhlig ann. [TD 33] DOMHNULL AN GILLE. Seisd—Gleus F. [Sol-Fa] Dòmhnull an Gille ’s e còrr is tri fichead, Smaoinich e nise nach b’ mhisd e ’bhi pòsd’. Cheannaich e pige de’n rum’ air a leigeadh, ’S ann chualas an tiota an drip a bh’ air Dòmh’ll. Cha robh duine ’s a’ bhaile nach robh ’cur umhail air Dòmhnull, mar a bha e air e fhein a thrusadh eadar fhiasaig ’us fhalt shaoileadh tu nach robh ann ach “beathach òg.” ’Nuair a sgioblaich e e fhein, theireadh tu nach robh e mach air deich bliadhna fichead, ach tha e cinnteach gu’n robh Dòmhnull deich thar fhichead dà uair, a’ cheart bhliadhna ’s an do smuainich e air pòsadh. ’S a’ mhaduinn Di-ciadain gu’n cheannaich e siabunn, ’S gu’n ghearr e an fhiasag ’bha shios fo a sgòrnan. Ghearr e gach ciabhag, ’s gach peallag ’bh ’air liathadh, ’S ’n uair dh’ fhalbh e g’ a h-iarraidh cha b’ fhiach ach té òg. [TD 34] Ach air là àraidh thachair Dòmhnull orm fhein. “Tha mi ’cluinntinn gu bheil thu ’dol a phòsadh,” arsa mise. “Air m’ onair,” arsa Dòmhnull, “bha dùil agam a dhol g’ a d’ iarraidh fhein an nochd, agus gu falbhadh sinn gu falachaidh, theagamh gu’n teid ar turus leinn.” “Tha mi ’n dòchas,” arsa mise, “gu’m bheil cùisean réidh a cheana agad.” “Gu firinneach,” arsa Dòmhnull, “cha d’thubhairt mise facal ri aon riamh fhathast airson an aobhair sin.” A dh’ aindeoin cho leomach ’s a gheibheadh tu Dòmhnull, Bha barailean neonach bho òige ’n a ghnàths’, E’g iarraidh gu pòsadh ’s gun lorg aig’ air òg-bhean, ’Us mise cho gòrach, a’ treòrachadh blàirean. ’S ann air an t-seachduin so chaidh, thuirt mo mhàthair rium mur a pòsainn am bliadhna gu’m bithte ’g a m’ chùnntadh air aireamh na seana-ghillean. Ach coma có dhiù, ’n uair a thainig an t-anamoch thog mise orm gu tigh Dhòmhnuill, ’s ’n uair a chaidh mi steach, bha Dòmhnull ullamh. Bha Dòmhnull cho spòrsail le’ bhotul ’n a phòcaid, ’Us trusgan de chlò air is bòtainean àrd. ’S e ’n fhirinn is cóir dhomh a’ labhairt mu Dhòmhnull, Bha dùil a’ m nach pòsadh té eòlach gu bràth e. Ach coma dh’ fhalbh sinn air ar turus, ’s bha sinn a’ coiseachd mar dhaoine fo’n choill. Cha robh ’n dara duine ’g radh facail ris an duin’ eile. ’N uair a bha mise fàs sgìth, sheas mi. “Stad ort,” arsa mise, “c’àit’ am bheil [TD 35] sinn a’ dol mar so.” “Cha’n aithne dhomh,” arsa Dòmhnull. “C’àit’ an saoil thu fhein an teid sinn.” “Theid sinn,” arsa mise, “agus bheir sinn a’ chiad thairgse do Sheonaid Ruadh ’s an tigh ud thall. Tha i ’n a searbhanta mhath, agus freagraidh i air do leithid gasda. “Nach’eil i tuilleadh ’us aosda air mo shon?” arsa Dòmhnull, “Cha’n ’eil i ach deich bliadhna fichead a dh’ aois,” arsa mise, “agus marbhphaisg ort,” ged dh’ fhalbhadh tu cho fad ’s a bheir a’ Ghaidhlig thu, cha ’n fhaigh thu deich bliadhna fichead ni ’s òige na i fhéin. “Glé cheart,” arsa Dòmhnull, “bidh sinn a’ dol.” ’N uair ràinig sinn Seonaid bha’n t-suipear air bòrd aic’, Truinnsear ’us cròic air, de bhròse buntàt’ Chaidh mis’ agus Dòmhnull ’thoirt suas do’n an t-seomar, Ma’s tigeadh fear eolais, ’thoirt sgeòil air an fhàrdaich. Fhuair sinn fiathachadh coibhneil gasda bho Sheonaid, agus bho ’màthair; dh’ iarr iad oirnn suidhe, agus pàirt a ghabhail de’n t-suipeir. Thuirt mise nach itheadh sinn ni sam bith gus an innseamaid fàth ar turuis. “Ro mhath,” ars’ a’ chailleach. “Thainig sinne ’n so an nochd,” arsa mise, “airson gu’m bitheadh bann réiteachaidh air a chur eadar Dòmhnull mo charaid, agus Seonaid nighean an tighe so fhein, agus ’n a dheidh sin gu’n gabhadh sinn suipear chridheil, chàirdeil, comhla ri chéile. ’S ann chunnaic mi Dòmhnull a’ séideadh a shròine, A’ casdaich ’s a ’stròicil fo leòm agus nàir. Bha ’inntinn cho brònach ag eisdeachd mo chòmhraidh, ’S gu’m feumadh e Seonaid a chòmhdach le scàrlaid. [TD 36] “O, mo mhìle beannachd ort,” arsa chailleach, “bithidh car laimh eatorra gu’n dàil, agus Dia ’gan gleidheadh.” Ach ma’s canadh tu seachd bha Seonaid air a casan ’s i’ sìneadh a laimhe null gu Dòmhnull. “Cuir an sud i, ghoistidh,” arsa mise. Rug mis’ air laimh air Dòmhnull, agus marbhphaisg oirre bha i cho rag ri laimh duine mhairbh—’s ann le m’ uile neart a fhuair mi air a càireadh ann am bois Seonaid. Air ball dh’ eirich a’ chailleach ’n a seasamh, agus dh’ eigh i àrd a claiginn. “Horray, horray,” tri uairean gus nach mòr nach d’ thug i sgàineadh air leacan a’ bhalla. Ach a nise bha Dòmhnull fo uallach a phòsaidh, A dh’ aindeoin cho neònach ’n a dhòighean ’s a bha e. Bha teadhair m’ a sgòrnan nach iarrainn do bhròinean, Bha botul aig Seonaid ’s an còrr aig a màthair. An sin dh’ iarr mi air Dòmhnull am botul a chur air a’ bhòrd, agus na dheidh sin gu’n iarradh an t-seana-bhean beannachd an sùil gu’m bitheadh am pòsadh ni bu shealbhaiche. Dh’ eirich a’ chailleach agus dh’ iarr i beannachd anns na briathran a leanas:— “O beannaich na cairdean a thainig an nochd g’ar n’ amharc a chur buinn réiteachaidh air Seonaid mo nighean. Is aithne dhuit gu’m bheil i bras ’n a nadur, ach tha i ’n a searbhanta mhath, agus is fhiach each math breab a leigeadh leis. O beannaich a chiad duine cloinne ’bhitheas aca. Thoir Samson mar ainm air, ’s na biodh e buille air dheireadh air ann an neart, comasach air a naimhdean uile ’chur fo cheannsal. Thoir gliocas agus foighidinn do Dhòmhnull bochd, airson an uair a dh’ eireas buaireas air [TD 37] Seonaid gu’m bi esan comasach air sin a ghiulan gu séimh. Biodh crodh agus caoraich aca, có dhiù, agus cuir a h-earachal a dh’ fhiosrachadh duine sam bith a ghabhas air tàir ’dheanamh orra gu siorruidh.—AMEN.” Sheas Dòmhnull ’us fiamh air, ’us thòisich e ’riaghladh, Bha sinne ro-iotmhor ’s mar ’lionadh gu’n tràghadh. Chaidh am botul a shiabadh ’s gun sinne ’bhi riaraicht, Sud Seonaid gun smiach aic a’ sgriachail ’s a’ rànail. Ach ’n uair a chunnaic a’ chailleach, Seonaid thar a cois, “Socair, socair,” ars’ ise, “chaidh an ruma ’n a do cheann.” “Nach bi e iomchuidh dhuinn dannsa ’bhi againn,” ars’ ise, “C’àit’ am bheil am fìdhleir,” arsa mise, “Bithidh fìdhleir againn ann an tiota,” arsa chailleach, ’s i’ cur thri charan dhi fhéin air an urlar, agus a’ seinn nam briathran a leanas:— “Am fidhleir a tha ’s a’ chnoc, An cnoc leis an fhìdhleir. Am fìdhleir a tha ’s a’ chnoc, An cnoc leis an fhìdhleir.” Ma’s canadh tu “tromhad so,” bha bodach beag, biorach, glas ’n a sheasamh air an ùrlar agus ceann na fìdhle fo smig. “Gu dé’m port ’tha sibh ag iarraidh,” ars’ am bodach. “Tha,” ars’ a’ chailleach:— Dòmhnull an gille laghach, Dòmhnull ’us Seonaid, Dòmhnull an gille laghach, Nise ’dol a phòsadh. [TD 38] Thòisich an ceol ’s ma thòisich ’s ann a thòisich an dannsa. Bha ’chailleach ’n a dannsair, cho aotrom ’s cho annsant’, Bha cus dhe ’n an dram orr’ ’s gu ’n stamp i air m’ òrdaig, Bha Dòmhnull cho direach ri snàthaid no prìne, Mu’n cuairt anns an ruidhle gu h-aotrom le Seonaid. ’N uair a bha gach ni seachad agus a sguir an dannsa, dh’ fheoraich mi fhein dheth cuin’ a bhitheadh a’ bhanais ann. “Bithidh, seachduin bho nochd,” arsa Seonaid. “Cha bhi e comasach dhomhsa ’bhi ullamh cho luath sin,” arsa Dòmhnull. “Feumaidh tu,” arsa Seonaid. “Na tig a ghràidh ás do bheachd,” arsa a’ chailleach, “bithidh a’ bhanais ann gu’n teagamh seachduin bho nochd.” Dh’ fhàg sinne Seonaid agus a’ chailleach agus thog sinn oirnn dhachaidh. “Stad,” arsa mise, ri Dòmhnull, “tillidh sinn fiach an cluinn sinn dé ’bhitheas iad ag ràdh ’n àm dol a luidhe.” Thill sinn ’s sheas sinn a’ farchluais ri cùl an doruis. Chuala sinn Seonaid ag ràdh ri màthair. “Saoil thu dé’n aois a tha fear ud a tha mi dol a phòsadh.” Coma leat, a ghràidh, de’n aois a tha e. Mar is aosd’ e ’s ann a’s motha ’bhitheas a smachd agad air.” “Bheir mis’ air nach bi dìth smachd air,” ars’ Seonaid. An déidh do Dhòmhnull na briathran sin a chluinntinn leum e air falbh agus lean mis’ e. Cha chuala mi gu’n do phòs e fhathast. [TD 39] POSADH EOGHAIN RI ISEABAL. Air fonn: “Cabar-féidh.” Tha naigheachd ùr an dràsd anns gach cearnaidh de’n bhaile so, Tha Eoghan beag an tàillear am màireach ’toirt banais dhuinn. Rinn Iseabal a thàladh le gràdh a bha annasach, ’S gun dad de fhios aig bròinean an dòigh air na mhealladh e. Bha ise seòlta ’cur air dòigh airson gu’m pòsadh esan i; Ag iarraidh fàth air oidhch’ ’us là gu tighinn an càirdeas aithghearr ris. Bha innleachd ùr aic’ ann an cùil nach dùraichdeadh i aithris dha, ’S cha d’ fhuair e mach a riamh, ciod an lion anns na ghlac i e. Bha Eoghan tàillear ’n a ghille anabarrach sèimh ’n a nàdur. Bha taobh mòr aige ris na ministearan, agus ris an luchd-aidiche, agus bha tlachd aca-san dha cho mòr ’s gu’n do chomharraich iad e ’n a mhaighstir-sgoile Gàidhlig anns a’ bhaile. Ghabh Eoghan ris an dreuchd sin le ’uile chridhe, ann an dùil gu’m b’e sin bu shocaire dha na’ n tàillearachd. Bha an tigh-sgoile beagan astair bho thigh Eoghain ach ’s ann a rùnaich e, gu ’m biodh a thàmhachd ann an seòmar beag a bha’n ceann an tighe-sgoile. [TD 40] A nise ged ’bha Eoghan ’n a ònar a’ fanachd ann, Cha robh e ’g iarraidh eòlais air mòran de chaileagan, ’S ann bu bheag air pòsadh no tòiseach’ ri leannanachd ’S e b’ àill leis a’ bhi fuasgailt’ cho fad’ ’s bu bhuan air thalamh e. ’S e brath na h-aois a ghabh mo laochag, ’s cha b’ e gaol a dh’ fhidir i: Cha b’ ann le gràdh a rinn i thàladh, no le mànran miliseach. Air oidhche dhùbhlaidh thug i cùil orr’, ’s rinn i urnaigh mhiodalach, Us dh’ éibh i àrd a cinn, “Eoghain, cuimhnich air Iseabal.” Air madainn àraidh bha Iseabal agus a màthair ’n an suidhe aig biadh, “Cuiridh mi geall a mhàthair,” ars’ Iseabal, “nach tomhais sibh cò chunnaic mi raoir ás mo chadal.” “ ’N e gille bh’ ann,” arsa’ màthair. “ ’S e sin a bh’ ann,” ars’ Iseabal, “agus feuch an dean sibh a mach cò e.” “An e Dùghall Beag a bh’ ann”? arsa, ’chailleach. “Cha’n e gu dearbh.” ’N e Coinneach Ruadh”? “Cha’n e cuideachd.” “’N e Calum a’ Ghobha?” “Cha ’n e cuideachd.” “ ’N e Eoghan am maighstir-sgoile?” “Rinn sibh a’ chùis mu dheireadh thall, a mhàthair!” ars’ Iseabal. “Ma b’ fhior dhomh gu’n d’ thug e dhomh pasgan beag eudaich air a cheangal suas ann am paipear dearg.” Feuchaibh a nis am breithnich sibh m’ aisling, a mhàthair, feuchaibh.” “Dé ’n seòrs’ eudaich a bh’ ann?” arsa ’màthair. Bha gùn ùr de dhrògaid Phort-righ air a deagh dheanamh cuideachd, ’s bha sgriobhadh tarsuinn air a broilleach.” “Stad ort,” arsa ’màthair, “de’n sgriobhadh a bh’ ann?” “Ma’s maith mo bheachd,” ars’ Iseabal, ’s e “C’ àit’ an caidil an [TD 41] ribhinn an nochd” a bha sgriobht’ air.” Dé an cinneadh de’m bheil an duine còir? arsa ’màthair. “ ’S e Eoghan Dòmhnullach is ainm da,” ars’ Iseabal. “Seadh, seadh,” arsa ’màthair, “fear de Dhòmhnullaich an Eilein Fhada, agus ’aran ceangailte ri ’chluais.” Bha h-aisling mar bu dual air na smuaintean aig Iseabal, I féin a’ deanamh cruaidh-shnaoim nach fuasgaladh innealan. ’Us dùil aice ri buannachd ’s ri tuarasdal maireannach, Bonnach teth ’us fuar aig a cluais mar a chaitheadh i. Bha ise dion a’ fidhe lion, airson an t-iasg a ghlacadh ann, Bha Eoghan bochd gun dad de lochd a’ tighinn ’na phlosg gun aithn’ aig air; Mu mheadhon oidhche dhùbhlaidh oillt, gun eagal taibhs no tathaich air, Gu’n sgaoil i e cho seòlta ’s nach d’ fhuair e beò a chasan às. Air an oidhche sin féin, cha deach’ Iseabal do’n leabaidh idir. N uair a ghairm an coilleach, thog i oirre gu tigh Eoghain, agus shuidh i ri taobh na h-uinneig, agus dh’ éibh i le guth caol ciuin, “Eoghain! Eoghain!” “Cò tha ’n sud?” ars’ Eoghan, ’s e ’n a shuidhe ’s an leabaidh air chrith leis an eagal. “Pòs Iseabal! Pòs Iseabal,” ars’ an guth a rithist. Dh’ fhalbh Iseabal dachaidh, agus cha d’ thuirt i ’n còrr tuilleadh, ach cha b’ann gu cadal a chaidh an gnothach do Eoghan; cha b’ urrainn da an guth a chual e ’chumail ás a chluasan. Bho’n a bha Iseabal airson gnothaich sgiobalta dheanamh de’n chùis a bh’air a h-aire, dh’ fhalbh i gu tigh a’ mhinisteir agus thuirt i gu’n robh i airson am ministear fhaicinn. Bha’m ministear anabarrach toilichte airson Iseabal fhaicinn. “Seadh mata,” ars’ esan, “am bheil gnothuch àraidh sam bith [TD 42] agad rium an diugh, Iseabail?” “Le bhur cead, a mhinisteir,” ars’ ise, “chunnaic mi bruadar a chuir mòr-ioghnadh orm, agus cha’n e sin a mhàin ach chuala mi guth ag ràdh, “Pòs Eoghan! Pòs Eoghan! Tha mo spiorad gun tàmh, gun fhois, a dh’ oidhche ’s a là, ’s nach urrainn dhomh a chur ás mo chluasan; gu dé bhur barail fhéin mu’n chùis, a mhinisteir?” “Cha bhreithnich mi am bruadar gus am faic mi Eoghan,” ars’ am ministear: feumaidh mi fhaicinn gun dàil, ach fàgaidh sinn an gnothuch an diugh mar a ta e. Chuir an naigheachd luasgan ’us gruaim air a’ mhinistear, Ciod an guth a chual’ i ’s am bruadar a chunnaic i? Ciod aig’ tha fios no fàth nach e Sàtan a’ labhair e? ’S tric a their e breugan ri creutairean aineolach. Mo chridhe steach a’ toirt dhomh beachd, ’s cha dean mi stad no amharus, Ach ’s e chreach nach dean mi mach an e ni maith a dh’ amhairc oirr’, G’ a toirt a steach gu Rìgh nam Feart, bho iomadh cleachdadh amaideach, Na’n ann airson gu’m pòsadh i Eoghan gu cabhagach. ’S e ’rinn am ministear fios a chur air Eoghan, ’s air Iseabal aig an aon àm, “A nis,” ars’ am ministear ri Iseabal, “innis dhuinn mu’n bhruadar agus mu’n ghuth a chuala tu, gun fhacal a null no nall? Thòisich Iseabal air innseadh mar chunnaic i ’s mar a chual i. Bha Eoghan ag éisdeachd gus an do sguir i ’labhairt an sin dh’ éirich e ’n a sheasamh, agus chuir e ’dhà laimh mu cheann agus ghlaodh e mach, “O Rìgh, seall orm!! Chuala mise guth ag ràdh, Pòs Iseabal! Pòs Iseabal! Cha ghabh e seachnadh [TD 43] ’s e riaghladh an Fhreasdail a th’ann. Cha ghabh e seachnadh, cha ghabh, cha ghabh. Bhà Iseabal cho ciùin ach a sùilean cha phriobadh i, A’ feitheamh ris a’ bhinn, ’bh ’air a h-inntinn cho mionaideach. Bha’ n t-eagal air a claoidh, ’s i gun chinnt aice ruigeadh i, Gu bràth air an òigear gun òrdugh a’ mhinisteir. Bha nis an t-àm a’ tighinn gu ceann, ’s am biodh am bànn gu follaiseach, G a cheangal teann le lagh gun mheang, ’s air feadh gach gleann bidh aithris air, Air madainn fhuair am bail’ air gluas ’d, an cuala sibh an naigheachd so,—— “Tha Eoghan Beag an tàillear an tràth so ’toirt banais dhuinn.” Ach cho luath ’s a chuala am ministear Eoghan ag innse thaoibh féin de’n ghnothuch, dh’ éirich e ’n a sheasamh agus thuirt e. ’A nis, cha ’n eil mi ’faicinn dòigh air gach bruadar ’s gach guth a stad ach aon dòigh, agus ’s e so e, “Am bheil thu deònach air Iseabal a phòsadh, Eoghain?” “Cha ghabh e seachnadh,” ars’ Eoghan. “Agus Iseabail, arsa am ministear am bheil thusa deònach Eoghan a phòsadh?” Cha ghabh e seachnadh,” ars’ Iseabal. Thog am ministear a làmhan agus bheannaich e iad le chéile, agus leig e air falbh iad gu subhach. Rinn Eoghan banais da rìreadh: cha robh sean no òg ’s a’ bhaile nach d fhuair cuireadh. Cha robh aon chàraid eile ’s a’ Ghàidhealtachd bu shona na iad fad làithean am beatha, agus gu latha bhàis, cha d’ fhuair Eoghan còir a mach ciod e an guth a chual e ag ràdh, “Pòs Iseabal! Pòs Iseabal.” [TD 44] “A’ BHINN CHOTHROMACH.” Tha e air aithris nach robh lagh no ceartas an Leodhas anns na lìnntean fad air ais, ach am fear bu treise an uachdar, mar a dh’ fhaodas sinn a thuigsinn bho ’n sgeul a leanas; ach is iomadh caochladh a thàinig air an t-saoghal bho ’n àm sin. Bha duine treun garg am Bhaltos, Uig, ris an abradh iad Dòmhnull Cam MacDhùghaill—fìor fhear-cogaidh, agus ’na cheannard air Clann Aulaidh. Cha robh Dòmhnull cam bho òige idir, ach is ann a rinneadh cam e air a’ mhodh so. Se aon ghobha bha an Uig aig an àm, agus b’ e ’n cleachdadh a bhi tabhairt seachad càin, is b’ e so càin a’ ghobha—peic gràin na h-uile bliadhna, agus b’ e obair a’ ghobha na h-uidheaman aitich a chumail geur fad an earraich, agus an ath-leasachadh ’nuair bhitheadh feum aca air. Duine sam bith nach pàidheadh a’ chàin, dh’ fhaodadh e bhi cinnteach nach bitheadh an gobha glé chùramach mu gheurachadh a chuid caibeachan. Bho ’n a bha Dòmhnull ’na dhuine cho treun, ceannasach, dh’ fhàg e chàin seachd bliadhna gun phàidheadh. Bha so teann air inntinn a’ ghobha; ach air an ochdamh bliadhna, sann a ghar e caibeannan Dhòmhnuill ’nan aon chnap, agus chuir e dhachaidh thuige mar sin iad. Bha fios math aig a’ ghobha gu dé thachradh, agus bha shùil am mach gu tric gus am faiceadh e Dòmhnull a’ tighinn. [TD 45] Is ann a chuir e slat-iaruinn do ’n teallach, is rinn e gu math biorach air an innein e, air son e féin a dhìon bho ’n duine gharg bha tighinn a thoirt na torachd air. Bha fìos aige co bh’ ann Dòmhnull. Ach coma, chunnaic e a’ tighinn e, is e ri leumraich mar dhuine air chaoch, le bhiodaig bhioraich ’na dhorn. Faodar a thuigsinn gu ’n robh beatha a’ ghobha glé shuarach ’na shealladh aig an àm, agus bu mhath fios a’ ghobha air a sin: se sin a thug air an t-slat iaruinn a dheanamh biorach. Ach mar a bha Dòmhnull a’ tighinn an fagus, bha ’n gobha seideadh a bhuilg, agus a’ teasachadh a bhiodaig féin air choinneamh a’ chath. Ghabh e sin sios gu ursainn an doruis leis an t-slait iaruinn ’na dhà dhorn, is a gob dearg lasadh. Cho luath sa dh’ fhìdir e Dòmhnull a’ dubhlachadh an doruis, thug e ’n sadadh ud do ’n iarunn theith ’na choinneamh. C’àit na thachair do ’n iarunn a dhol ach ’na shùil dheis, agus faodaidh sinn a chreidsinn gu ’n robh an cath seachad le sin. Sud a nis an dearbh dhòigh air na rinneadh cam Dòmhnull MacDhughaill. A riamh roimh sud, cha chainteadh “Dòmhnull Cam” ris, ach an déidh an latha ud, cha d’ fhuair e ainm tuilleadh ach Dòmhnull Cam MacDhùghaill. “Bha duine ann an Uig, Ris ’n cainte Dòmhnull MacDhùghaill; Chuir an gobha an t-sùil as, Bho ’n dhiult e dha a’ chàin.” Is iomadh duine bhlais air an rann so aig nach robh fios air an aobhar airson an do dhealbhadh e. Ach coma, cha robh Dòmhnull fada gus na dh’ fhàs e slàn a rithis, agus is ann a thòisich e ri dol mu’n cuairt na dùthcha gus aonta [TD 46] dhaoine fhaighinn air son a’ ghobha chrochadh. Bha cuid leis, agus bha cuid eile ’na aghaidh; ach, a thaobh is gu ’n robh e ’na dhuine treun agus borb, fhuair e chuid bu mhotha de na h-Uigich leis. Aig an dearbh àm so, bha riaghladh na dùthcha aig na bh’ ann de mhinistearan, agus de thuathanaich mhóra, mar a bha leithid Iain Mhoiristean (Mac Mhurachaidh Chailein) á Bragar, Mac Thorcaill á Arnol, agus am Breitheamh an Trieamh, á Nis. Chaidh Dòmhnull a dh’ iarraidh fàbhar nan daoine sin uile, agus fhuair e an aonta gu léir, ach aonta Iain Mhoiristean, Bhragair. Bu bhàrd esan, agus cha robh uair a bhitheadh e toirt a bheachd air nì sam bith nach ann an rann bàrdachd bheireadh e seachad e. Nuair a dh’ innis Dòmhnull Càm dha mar a bha dùil aige dheanamh, bha esan ag éisdeachd. “A nis,” arsa Dòmhnull, “tha Sgire Uig agus a chuid mhór de mhaithean an Eilein leam, agus tha mi ’n dochas gu ’m bi thusa leam mar an ceudna, ’s gu ’n teid an duine chrochadh am meadhon Bhaltois, am fianuis na gréine, air son a’ghniomh a rinn e ormsa—mo dhalladh is m’ fhàgail gun fheum cho fad sa bhios mi beò—’nam ghràin do m’ chairdean uile an ainm san aogas.” “Dh’ éisd mi riut,” ars Iain, “agus tha mi tuigsinn an cor anns am beil thu, ach éisd thusa riumsa a nis, agus thoir leat mo bhriathran:— ‘Tha dithis a dh’ fhàgas tu an sìth, Tha triuir ’s cha’n fhaod thu milleadh orr’, Cum gu bràth air do thaobh, Do ghobha, do mhaor, ’s do mhinistear.’ A nis dean d’ fheum fein dheth sin,” [TD 47] “O latha math leat!” arsa Dòmhnull, is e falbh dhachaidh gu trom inntinneach. Ach cha do leig e buille as a bheachd. Uidh air n-uidh fhuair e latha air a chomharrachadh gus an gobha chrochadh, agus cuireadh aig gach beag agus mór de na bha an Sgire Uig a thighinn a dh’ amharc an t-seallaidh oillteil. Faodaidh sinn a chreidsinn gu ’n robh inntinn a’ ghobha glé luasganach anns na làithean deireannach a bha dùil aige bhi beò air an talamh, agus gun e faicinn dòigh air dol as. Ach thàinig an latha—latha mór nan creach. Dh’ éirich Dòmhnull Cam gu math moch sa mhadainn, is thòisich e sèideadh trompaid air feadh a’ bhaile. Bha duine thall is duine bhos ri sealltainn am mach; ach, mu thimchioll, meadhon latha, bha ’n sluagh tighinn as gach àite, sa’ cruinneachadh aig croich a’ bhaile—boirionnaich agus firionnaich, sean agus òg. Thòisich cuid ri cladhach sluic, agus cuid eile ri cur cuaille mòr ’na sheasamh airson a’ghobha bhochd a chur gu bàs. Chaidh ochdnar eile thaghadh air son a’ghobha ghiulan chum na croiche. Nuair a bha na h-uile dad ullamh—an gobha bochd an sud aig bonn na croiche, an slochd r’a thaobh, a chridhe air fàilneachadh, is e leigeadh slàn leis na càirdean agus an saoghal uile—sann a chualas an guth caol cruaidh ud am meadhon an t-sluaigh. Thug a h-uile duine sùil air boirionnach tapaidh, ’na seasamh gu dìreach duineil, sa ceann comhdaichte le brat dubh, “Fhearaibh sa bhràithrean,” dh’éibh i, “ciod e tha rùn oirbh dheanamh an diugh? Am beil fios agaibh gur e sìnn féin a chailleas gu daor air a’ ghniomh oillteil—an [TD 48] gobha bhi air a chrochadh? Cò sheideas am bolg am màireach? Cò bhuaileas an t-òrd air an innein, no co gheuraicheas gach caibe, agus a thathas an t-iarunn ri aghaidh nan srad? An cuir sibh gu bàs aon ghobha na sgire? C’ àit am faigh sibh gobha ’na àite, agus ciamar a ni sinn a’ chùis gun ghobha? Ach ma tha sibh air son gu ’m bi ceartas ri riaghladh, tha dà thàillear anns an sgire, agus ni sinn a’ chùis le aon diùbh. Crochaibh fear dè na tàillearan, ach fàgaibh an gobha. Cha dean sinn an gnothach gun ghobha: cha dean, cha dean!” Nuair a chual an sluagh na briathran glic a labhair a’ bhean, ghlaodh iad le guth àrd. “A’ Bhinn Chothromach!” “A’ Bhinn Chothromach!” Gun fhacal tuilleadh a ràdh, rug iad air a cheud fhear a fhuair iad de na tàillearan, is chroch iad e an àit a’ ghobha chòir, agus mar sin bha Dòmhnull Cam riaraichte le briathran na mnatha, agus cuideachd chuimhnich e air an rann:— “Tha dithis a dh’ fhagas tu an sith, Tha triuir ’s cha’n fhaod thu milleadh orr’. Cum gu bràth air do thaobh, Do ghobha, do mhaor, ’s do mhinistear.” Tha e air innseadh dhuinn gur e ’n aon bheul a labhair an rann so, agus a labhair “A’ Bhinn Chothromach.” [TD 49] SEAMRAG NAN CEITHIR DUILLEAG. Anns an t-sean aimsir, bha duine treun a’ tàmhachd an ceann a tuath Eilein Leodhais ris an abradh iad Cruadal. Bhàsaich e ’na dhuine og, ach dh’ fhàg e dithis mhac, Cailean agus Niall, a rugadh còmhla, ’s mar sin, bu chàraid iad. Bha comharradh air broilleach gach fir—ceithir spotan dubhghorm agus strian chaol, fior iomhaigh na Seamraig na’m bitheadh ceithir duilleagan oirre. Cha robh fios aig duine sam bith air a’ chomharradh so bhi orra ach aig am màthair, is na gillean féin. Bha dealachadh mór eadar nàdur an dithis. B’e tlachd Nèill a bhi an cois a’ chruidh, ’gan iomain o innis gu innis gus am bitheadh cothrom aige air creachadh nan nead thall sa bhos air feadh nan tom. An àite sin, b’e tlachd Chailein a bhi an cois a’ chladaich, a’ gabhail beachd air iomairt nan tonn, agus cleachdadh na gaoithe, mar thubhairt e féin aon mhadainn ri mhàthair, air dhi feòrach dheth gu dé a’ ghaoth a bh’ ann—“Tha gaoth ’na ruith chum a’ chladaich agus ’na cruaidh ruith bhuaithe.” Anns an dearbh àm bha so, bhitheadh na Lochlannaich gu tric a’ spùilleadh nan Eileanan-a-Tuath. Bhitheadh iad a’ glacadh còir air Eilean Rònaidh: se an t-àite dion a bh’aca. Bhitheadh an long mhor ri fasgadh an Eilein air acair, a’ feitheamh air na longan beaga a bha sgapte thall sa bhos, a’ creachadh tuath bhochd Eilein Leodhais, [TD 50] Cha’n fhàgadh iad mart, no each, no caora, air am faigheadh iad gréim, agus, an uair a bhitheadh an long mhor làn, sheoladh iad gu ruige Lochlainn, agus cha b’ann falamh. Mar a bha Cailean Donn agus Niall Og a’ fàs suas, bhitheadh iad gu tric a’ cluinntinn mar a bha na Lochlannaich a’ goid a’ chruidh, is nan caorach; ach cha robh cothrom air aig an àm. Thachair gu’n deach Niall am mach a shealltainn as déidh a chruidh air feasgar àraid. Bha am feasgar ciùin blàth, is cha robh cabhag sam bith air Niall. Is ann a leig e e-féin na shìneadh air tulach beag uaine os cionn an t-sruth as am bitheadh an crodh ag òl an deoch fheasgair. An tiotadh, bha Niall ’na shuain chadal, is b’e an cadal e. Thàinig triùir Lochlannaich an àird o’n chladach, a’ lorg mart math a bheireadh iad sios chum a’ bhàta. Thàinig iad ball dìreach air Niall is e ’na shuain chadail. Cha’n fhac iad dad a b’fhearr na chasan is a lamhan a cheangal cho cruinn ri casan muilt, agus falbh leis chum a’ bhàta. Chaidh a sròn a thionndadh gu muir le cùrsa air Eilean Rònaidh. Bha a’ ghaoth is am muir ’na fàbhar, is cha robh iad fad air an t-slighe. Chaidh Niall bochd a thoirt do’n Eilean, is bha e nis ’na phriosanach aig na Lochlannaich. Nuair a chunnacas nach d’ fhuaradh Niall thall no bhos, thug a chàirdean dùil dheth. Thuit cridhe mhàthar air dòigh is gu’n do bhàsaich i glé ghoirid an déidh sin. Bha nise Cailean ’na aonar gu dubhach brònach. Thachair dha aon latha àraid a bhi gabhail cuairt air feadh na faiche, nuair a thàinig e air tulach beag uaine, s shuidh e air, a leigeadh dheth an sgìos. Cha robh fios [TD 51] air bith aige gu ’m b’e so an dearbh thulach air an do chaidil Niall a bhràthair nuair a fhuair na Lochlannaich gréim air. An tiotadh, dh’ fhairich Cailean e fein a’ fàs tromacheannach, agus am mionaid bha e ’na shuain chadail. Eadar a chadal is a dhùisg, chual e an t-aon fhead bu chruaidhe chual e riamh a’ toirt sgal aig a chluais. Ghrad dh’ eìrich a ’na shuidhe, agus chunnaic e maighdean àrd sgiamhach ’na seasamh ri thaobh. “C’ainm a th’ ort?” ars ise. “Se Cailean is ainm domh,” ars esan. “ ’S fior sin,” ars ise, “fosgail dhomhsa do bhroilleach.” Dh’ fhosgail Cailean a bhroilleach, agus chuir ise meur air na ceithir spotan. “A Chailein Duinn,” ars’ ise, “Mhic thri Chruadail, ’S ann air a’ chuan a gheibh thu stòras Nuair a dh’ fhalbhas tu ga iarraidh, Thoir do bhrathair Niall á Rònaidh.” Dhùisg Cailean: dh’ eirich e ’na sheasamh, agus ghluais e dhachaidh, a’ fìor-bheachdachadh air na h-uile facal a chual e, agus iomhaigh na h-òighe cha robh dol as a shealladh. Is ann a thòisich Cailean a nis a’ smuaineachadh bean fhaotainn. Chunnaic e nach deanadh e chùis ’na aonar. Thug e bòid nach stadadh e gus am faiceadh e dà shùil coltach ri sùilean na maighdein a dh’ iarr air a bhroilleach fhuasgladh air an tulach uaine. Thog e air gu togarrach an cois a’ chladaich. Dh’ fhalbh e á fior cheann a tuath an Eilein, agus ràinig e ceann an iar an Eilein; ach aon a [TD 52] chòrdadh ris cha ’n fhaca Cailean. Nuair a bha e an amais tilleadh, fhuair e thairis air Caolas Bhearnaraidh. Cha robh e fad an sin gus am fac e gruagach àrd dhonn a’ lionadh cuinneig aig fuaran. Dh’ fhalbh e ball direach far an robh Thog a’ chaileag a sùilean, agus sheall i air Cailean an clàr an aodain. “C’ ainm a th’ort?” ars ise. “Is mise Cailean Donn, mac thrì Chruadail á ceann a tuath an Eilein,” ars esan, is e togail na cuinneig air a gualainn. “Lean mis’,” ars ise, “gu tigh mo mhàthar.” Cha robh an ùine fada gus an d’ ràinig iad an tigh. “Cò thu òganaich?” ars a màthair, “cha chreid mi gu’m bheil fear do shlinnean a’ chinneadh Clann Aulaidh.” “ ’Se is ainm dhomhsa Cailean, ’Se b’ainm do’m athair Cruadal, ’San uair a dh’fhosglas mi dhuit mo bhroilleach Bheir thu seachad dhomh do ghruagach.” ars an t-òganach. Dh’ fhosgail e bhroilleach agus chuir a’ mhaighdean a meur air na ceithir spotan dubhghorm. “Tha mo bhruadair a nis a’ tighinn fìor dhomh,” ars’ ise. Chum Cailean air féin ged a bha brìgh na h-ùile dad a bh’ann a’ tighinn ceum air cheum ’na fhàbhar. Air ball chruinnich na càirdean, agus chaidh gach riaghailt a chleachdadh a thaobh a’ phòsaidh. Chaidh a chulaidh a b’ fhearr san Eilean a chur air dòigh, agus fhuaradh na gillean bu sgairteil a bha ri fhaotainn de Chlann Aulaidh air son Chailein is a ghruagach is a màthair aiseag gu ruige Nis. Nuair a bha na h-uile duine air bòrd, thàinig seann bhean ’na ruith d’an ionnsuidh is i ag éibheach: [TD 53] “A Chailein Duinn! a mhic a’ Chruadail! thig gu luath far am beil mise.” Dh’ fhalbh Cailean ’na coinneamh. “So,” ars’ ise, “cuir an dual so mu t’amhaich, agus na dealaich ris ri d’ bheò.” “Ciod e th’ann?” ars esan. “Tha,” ars ise, “Seamrag nan ceithir duilleag, Bh’air amhaich bhuidhe nam ban sìth Gus nach bàthair air a’ mhuir thu ’S gus nach mortair thu air tìr.” Bha nise Cailean a’ tuigsinn na bu mhò ’s na bu mhò; ach cha robh e leigeadh dad air. Chaidh a’ chulaidh air siubhal le gaoth an iar-dheas, agus muir lom f’a sròin, a’ cur na mara air ghoil cho fada ’sa ruigeadh i. B’e so an dearbh latha san deach an luinneag aighearach— “Hug o, là lò, seinn hò rò Neill o,” a dhealbhadh. Nuair a chuimhnich Cailean air a bhràthair a bhi ’na phriosanach an Rònaidh, thog e fonn, agus chuir a’ ghruagach, a bhean, a mach air facail nach do thuig Cailean riamh gu latha bhàis. Cha robh iad fada deanamh an Rudha dheth, agus a’ dol air tir air cladach ris an abrar Cùnndal gus an latha ’n duigh. Cha robh a’ mhuinntir òg fada deanamh na slighe a dh’ ionnsuidh an tighe air cùl an Rudha. Thill Clann Aulaidh dhachaidh, a’ gabhail beachd air slios an Eilein. Is ann troimh ’n eòlas a fhuair iad air an turus so dh’ èirich an cogadh ainmeil ris an abrar “Cogadh Clann Aulaidh.” [TD 54] Cha robh Cailean aig fois ’na inntinn: bha a shùil gu tric a mach gu Rònaidh. Bha e féin is a’ ghruagach aon latha ’nan suidhe air creagan beag an cùl an Rudha, nuair a dhearc iad air bàta Lochlannach a’ deanamh cùrsa dìreach air gob an Rudha. “Thiugainn dhachaidh,” ars esan, “agus dean dhomh-sa biadh làidir. Tha mi dol a dh’ iarraidh ghillean sgairteil a dh’ fhalbhas maille rium a thoirt Nèill á Rònaidh, oir tha an t-àm air teachd anns am faigh mise cothrom mi-féin a dhioladh air na meirlich.” Air falbh gu’n do ghabh iad. Thuig a’ ghruagach gu math an nì bh’air inntinn Chailein: ghabh i dìreach chum an tighe, agus thòisich i ri deasachadh arain. Thog Cailean air gu baile Eoropaidh, agus dh’ innis e mar bha dùil aige dheanamh. Fhuair e an ceathrar bu tréine ’sa bhaile. Bha iad a’ feitheamh aig tigh Chailein gus an tigeadh an t-anmoch, agus, cho luath ’sa bha ciaradh na h-oidhche ann, dh’ èirich iad ’nan seasamh. “Feuch,” ars a’ ghruagach, “am bheil an t-seamrag mu t’amhaich?” “Tha gun teagamh,” ars esan. “Bheir mise steach an tòrachd air na Lochlannaich phlòiceach bhàna. Slàn leibh.” Dh’ fhalbh na fìr sios gu cladach, agus rinn iad air a’ ghob. Sùil gu’n d’thug iad, chunnaic iad bàta a stigh an geodha chaol dhomhuinn gun duine beò mu’n cuairt oirre. Chaidh iad ball dìreach air bòrd. Dh’ fhosgail iad na feisdeachan, agus thionndaidh iad am bàta gu muir. Nuair a thill na Lochlannaich bho’n cuairt, cha robh am bàta r’a faotainn. Cha robh fios aca ciod e dheanadh iad, ach iad féin a thilgeadh air coibhneas an luchd àiteachaidh. B’e ceathrar a bh’ann dhiubh, agus fhuair iad [TD 55] dòigh air dachaidh a dheanamh an t-Hàbost, Nis. Phòs iad an sin, agus tha sliochd nan daoine so beò fhathast an Nis. Cha robh Cailean fada gus an robh e ri fasgadh Eilein Rònaidh. Chaidh e fein is na fir air tìr; ach cha’n fhac iad duine beò. Thàinig iad gu bothan gun tuar gun teine; ach fhuair iad dòigh air teine fhadadh le dà chloich spor a shuathadh r’a chéile. Thòisich iad air marbhadh eun is cha robh dìth sam bith orra. Thug iad beagan ùine an sin, is ged a thug, cha robh na Lochlannaich a’ tighinn air fàire. Bha fios aig Cailean nach bitheadh an ùine fada gus an tigeadh iad, a thaobh is gur e deireadh an t-samhraidh a bh’ann. Làtha de na làithean, chunnaic iad long mhór le siùil gheala deanamh dìreach air an Eilean. Chaidh iad air ball sios chum a’ bhàta bhig, agus thug iad i gu taobh eile an Eilein ri fasgadh creige móire, a’ feitheamh ciod e dheanadh na Lochlannaich. Cho luath sa thàinig na Lochlannaich ri taobh an Eilein, leag iad aodach, agus leig iad na h-acraichean gu grunnd. Chaidh a’ chulaidh bheag a lionadh agus a cur gu tìr. “Fhearaibh!” arsa Cailean ris na gillean, “a mach gu ’n téid sinn a dh’ ionnsuidh na luinge.” Chaidh gach ràmh gu buille ’s gach cnag gu dìosgail, agus, an ùine ghoirid, bha iad air bòrd. Chaidh na h-acraichean a thogail, agus, nuair a bha iad a’ togail nan seol, chunnaic iad na Lochlannaich a’ deanamh orra, ach, aig a cheart àm, bha ’n long fo shiubhal ’sa h-aghaidh g’an ardheas. Cha robh Cailean fada tighinn suas ri stiùradh, s bha na fir eile toirt dòigh air an cuid féin de ’n obair gu gleusda. [TD 56] Bha biadh is annlann gu leòir air bòrd, is thoisich na fir ri rannsachadh gach cùil, is ceall, is ciod e thachair orra ach duine ceangailte le slabhraidh iaruinn an cùil dhorcha an toiseach na luinge. Chaidh an duine bochd a thoirt suas am fianuis Chailein, ach facal d’a chainnt cha tuigeadh na Nisich. Gidheadh am beagan ùine thàinig iad suas r’a chéile, agus thuig iad bhuaithe gur ann a chaidh e-féin agus sgiobair na luinge—duine fiadhaich garg—a mach air a chéile, air madainn an latha sin, is gu ’m b’e sin an t-aobhar gu ’n d’ fhuair iad esan ’na phriosanach ceangailte anns a’ chùil. Mar bha Cailean a’ faotainn suas ri stiùradh, bha a chridhe a’ cruadhachadh, agus sann a thòisich esan mar an ceudna air spùileadh, ’s air spùileadh da rireadh; is ma bha na Lochlannaich sgiobalt, bha Cailean cho sgiobalta riu. Is ann air ceann an iar an Eilein bu thruime bha e. Cha d’ thug e mart no caora riamh o mhuinntir Nis. A’ cheud làn luinge a ghlac e sheòl e leis gu ruige Lochlainn, le seoladh an duine fhuair e sa phrìosan, agus, ma chaidh a cheud turus leis, chaidh an dara turus mar an ceudna. Thog so spiorad millidh ann cho mór is gu ’n robh eagal air na h-uile a shiùil fhaicinn a’ tighinn air fàire. Bha nise Cailean, agus am fear a fhuair e air bòrd na luinge, a’ tighinn gus a’ chéile thuigsinn gu math. Aon latha thòisich Cailean ga cheasnachadh.—“Am bitheadh sibh,” ars esan, “ri taghal tiomchioll an Rudha Nisich?” “Bhitheadh,” ars an duine. “Innis dhomh beagan eachdraidh air,” arsa Cailean. “Tha cuimhne mhath agam,” arsa esan, “an uair mu dheireadh bha mi ann, thug sinn leinn brogach òg a fhuair sinn ’na chadal air tulach uaine an taobh an Rudha.” [TD 57] “Dé rinn sibh ris, no am bheil e beò fhathast?” arsa Cailean. “Tha e beò gun teagamh,” arsa esan. “Tha e fein agus càirdean dhomhsa ri siubhal a’ chuain an lorg am fortain.” “An urrainn thu innseadh dhomh ciod e an t-astar air an tric a bhitheas iad?” arsa Cailean. “Cha’n aithne dhomh,” ars esan, “ach tha fios agam gu’m bi iad air uairibh a’ taghal Rònaidh.” Ged a bha iomadh bliadhna air dol seachad, chuimhnich Cailean air an rann, agus chuimhnich e air a’ ghruagaich a dh’ fhàg e ’sa bhothan bheag air cùl an Rudha. “O seadh,” arsa Cailean, “ ’n deidh na h-uile dad a th’ ann, tha Niall fathast air chall.” Mar a bha Cailean a’ smaointinn cho tric air Niall, bha sin a’ toirt aobhair dha bhi tighinn faisg air Rònaidh an dràsd sa rithist. Beagan uine an déidh so, thachair dha a bhi dlùth do ’n Eilean, agus chunnaic e lòng bhriagha ri fasgadh an Eilein. Is ann a chàidh e féin air fuaradh, agus leig e sios an acair. Ghairm Cailean an sgiobadh ’na làthair. “Fhearaibh!” ars esan. “Théid sinn air tir, bàs no beatha, ’s mise Cailean Donn Mac a’ Chruadail, ’s fhada o na bha mo chutag bheag dhonn san toll a’ feitheamh orra gus an sgòrnan a sgiteadh, agus gus an fhuil a dh’ òl.” Air tìr gu’n deach na gaisgich is cha deach iad fada gus am fac iad gu ’n robh na Lochlannaich romhpa air mullach an Eilein. Chaidh Cailean air toiseach an sgiobaidh le ghnùis làn buaireis, agus gus an so cha do shaoil na Lochlannaich nach e càirdean a bh’ ann. [TD 58] Gun fhacal a ràdh, rug Cailean air an fhear a b’ fhaisge air, agus bhuail e mu ’n talamh e. Leum càch air a chéile thall sa bhos. Bha Cailean a’ cruaidh chath leis a’ chutaig, a’ leigeadh na fala sa leumraich am measg nan Lochlannaich, gus na dh’ fhairich e fear dhiubh ’ga ghlacadh air dhà chaol duirn cho teann is gu ’n robh e gun chomas dad sam bith a dheanamh. “A mhic duinn Daraich, leig as mo dhà dhorn!” arsa Cailean. “A mhic an fhir fhuiltich, leig do chutag gu làr!” ars am fear eile. Bha spàirn orra r’a chéile, ach mu dheireadh smuainich Cailean air an t-seamraig. Thug e grad leum á làmhan an fhir eile, agus sheas gach fear ag amharc air a chéile. “Có thu?” arsa Cailean. “No ciod ’s ainm dhuit?” “Se m’ainm,” arsa esan, “Niall, ach tha fichead bliadhna bho ’n uair sin.” “Fosgail dhomhsa do bhroilleach,” arsa Cailean. Dh’ fhosgail Niall a bhroilleach, agus chunnaic Cailean na ceithir spotan dubhghorm. Air ball, dh’ fhosgail Cailean a bhroilleach féin, agus chunnaic Niall na spotan air broilleach Chailein. Bha nis ’n cath seachad gun aon duine beò ach Cailean agus Niall ’nan aonar—a’ bhuaidh air a toirt air na Lochlannaich. Nuair a chaidh gach marbh adhlachadh, taobh ri taobh, thubhairt Cailean r’a bhràthair. “Thugainn a nis dhachaidh.” “Leanaidh mise thusa,” arsa Niall. Sios gu’n na ghabh iad le chéile, agus cha robh fadal ann ach a’ chulaidh bheag a thionndadh gu long Nèill. Dh’ éirich Niall a stigh, ach cha robh e fada tighinn, agus [TD 59] poca beag ’na làimh. “So,” ars esan. “Gleidh an t-òr so. Chuir mise teine ris an luing.” Dh’ fhalbh iad an sin agus rinn iad dìreach air luing Chailein. Leum Cailean air bòrd, agus thàinig e le bolg de chraiceann aige ’na làimh. “So,” ars esan ri Niall. “Sin agad mo chruaidh chosnadh-sa. Chuir mise teine ris an luing cuideachd, agus ’na teine gu’n rachadh i.” Chuir na fir am mach na ràimh agus f’a siùil gu’n deach a’ chulaidh bheag, le sròin air gob an Rudha Nisich. Bha e an déidh meadhon oidhche an dara latha nuair a ràinig Cailean agus Niall an cladach. Rinn iad dìreach air a’ bhothan bheag an cùl an Rudha gun dàil. Sheas iad aig na dorus, agus a chosnadh féin aig gach fear air a ghualainn. “Rachamaid a’ stigh,” arsa Cailean, is e air thoiseach. Ràinig e leabaidh, agus chuir e làmh air an duine bha ’na chadal, is thug e cèum air ais. “Có thu tha so nad chadal?” arsa Cailean. Air ball, chuala iad a’ ghruagach a’ freagairt á ceann shuas a’ bhothain, “O guth fir mo ghràidh. Thàinig thu! Gun dìth! Gun dìth! Gun dìth!” is i ag èirigh le cabhaig. Chaidh an crùisgean a’ lasadh, agus sheall Cailean mu’n cuart air. “Có e an t-òganach so?” ars esan. “Se mo mhac e gu cinnteach. Seall ’na bhroilleach agus faic a chomharradh,” ars a’ ghruagach. Dh’ fhosgail an t-òganach a bhroilleach, agus chuir a mhàthair a meur air na ceithir spotan dubh-ghorm. “Ni sin an gnothach,” arsa Cailean, agus e fosgladh a bhroillich féin, ach am faiceadh an t-òganach na spotan dubhghorm a bheireadh fianuis da có athair. Chaidh an t-àm sin a chumail air chuimhne, agus cha b’ionghnadh e. [TD 60] Nuair a bha iad a’ conaltradh mu thimchioll nithean thall sa bhos, dh’ fheoraich a’ ghruagach, “Có am fear so tha maille riut?” “Se so mo bhràthair,” arsa Cailean. “O Chailein Duinn Mhic thri Chruadail, ’S ann air a’ chuan A gheibh thu stòras, Nuair a dh’ fhalbhas tu ga iarraidh, Thoir do bhrathair Niall á Rònaidh,” ars ise. “Tha nis gach nì air a chomh-lionadh dhomhsa.” Dh’ éirich Cailean, agus thug e làmh air a bholg craicinn, agus chuir e’n uchd a mhic e. Dh’ fhosgail Niall a phòca féin, agus thug e dòrlach mhath dhoibh cuideachd. Bha iad a nis saoibhir. Dh’ fhàs an t-òganach ’na dhuine treun agus glic. Is e bhitheadh a’ toirt breith cheart air cùisean an Nis. Is ann air son so thugadh “Am Breitheamh” mar ainm air, agus is ann bhuaithe cuideachd a thàinig na Moireastanaich, a tha toirt an ainm “Cailean,” agus “Niall,” an Eoropaidh agus anns an t-Habost, Nis, gus an latha ’n diugh. Goirid mu’n do bhàsaich Cailean, thug e deth amhaich fein an dual a fhuair e bho’n t-seann bhean de chlann Aulaidh air la a phòsaidh, agus chur e air amhaich a mhic e. “Sin agad,” ars esan, “Seamrag nan ceithir duilleag Bh’air amhaich bhuidhe nam ban sìth, ’S gu bràth cha bhàthar air a’ mhuir thu, Is cha mhortar thu air tir.” Tha e air aithris gur e sealbh na Seamraig a lean ri sliochd nan daoine so thug dhaibh iomadh buaidh thairis air Clann Aulaidh. [TD 61] AN GAIRTEAN SRIANACH. Is iomadh cleachdadh neònach a bh’air a chumail suas air feadh na Gàidhealtachd anns na h-àmaibh a dh’ fhalbh, agus ’se so a h-aon dhiubh. Nuair a bhiodh dithis ri dol a phòsadh, cha’n fhaodadh iad a dhol cuideachd mur am faiceadh am pàrantan ’san càirdean iomchuidh e, agus nam faiceadh, dh’ fheumadh iad dhol cuidheachd co-dhiubh a bhiodh gràdh aca da chèile no nach biodh. Ann am baile beag air taobh-an-iar Eilein Leodhais bha aon nighean bantraich do’n robh gille òg sgairteal de mhuinntir a’ bhaile toirt móran toil, ach cha leigeadh a chàirdean leis a pòsadh airson i bhi bochd sa’ chrannchar. Dh’ innis an nighean facal air an fhacal d’a màthair mar a bha chùis. “Leig thusa leo, a ghràidh,” ars a màthair. “Ni mise gairtean srianach dhuitse agus bidh tri dathan ann—dubh, geal agus dearg. Cuiridh mi an dearg ’sa mheadhon agus, cho luath ’sa bhios e deanta, innsidh mise dhuit gu dé ni thu ris.” Cha robh an ùine fada gus an robh an gairtean deanta. “A nis,” ars a màthair ri Màiri. “Dean thusa mar a dh’ iarras mis ort, agus cha’n eagal leam gu’m bi e comasach do dhuine sam bith thusa agus Iain a chumail bho chéile. Faigh doigh air fhaicinn an nochd agus an gairtean agad; cuir car dhe m’a chois dheis, agus m’a chois chlì, agus dà char mu amhaich, is abair ris mar so— [TD 62] “Fhir a ghairtein shrianaich Gur cianail mi mur bi thu agam Do chàirdean ’ga do bhriagadh Cha’n fhiach mi nach ’eil mi beartach.” ’Sann mar so a rinn Màiri. Fhuair i fàth air Iain agus thug i mach an cuallach gairtein as a pòcaid. “A nis,” ars’ ise. “Mur ’eil e coltach gu’m bi sinn cuideachd, fuiling dhomh an gairtean so a cheangal umad a bhitheas mar chuimhneachan dhuit ormsa.” Cheangal Màiri an gairtean mar a dh’ iarr a màthair orra, ach cha d’thubhairt Iain facal. Chuir briathran Mhàiri tosd buileach air aig an àm. ’Nuair a ràinig Màiri dhachaidh dh’ innis i facal air an fhacal d’a màthair. “O, ro mhath, ro mhath,” ars a màthair. “Chi esan bruadar an nochd nach di-chuimhnich e fad ’s is beò air thalamh e.” Cha’n ’eil móran air aithris ciod e an seorsa bruadair a chunnaic Iain an oidhche ud, ach tha e fior cho luath ’sa thainig a’ mhadainn nach robh e aig fois gus am fac e Màiri. “Aon fhacal,” ars esan, “a tha mi ’g iarraidh ort a fhreagairt.” “Mach leis,” arsa Màiri, is i sealltainn air Iain ’san aghaidh le blàth shùilean flathail gun fhoill. Shìn Iain mach a làmh. “Nis,” ars’ esan. “Am fianuis Neimh is talaimh cha bhi dealachadh ann.” Shil Màiri na deoir le aoibhneas. “Is sona mi nise,” ars’ ise. “So uile na bha uam— “Ceangal pòsaidh air mo rùn Ged nach biodh na càirdean toilicht’. Ceangal pòsaidh air mo rùn Gar ’m biodh iad deonach.” [TD 63] “Ach,” ars Iain, “Fàgaidh mi m’ athair is mo mhàthair Mo phiuthar ’s mo bhràithrean gu léir, ’S theid mi chadal le Màiri Am bothan beag àiridh leam féin.” Bha’n còrdadh a nis deas eatorra; an cridheachan òga subhach a’ brùchdadh mach gràidh gun cheilg, guth binn a ruitheachd troimh an cluasan agus troimh an àrd labhradh a dh’ ionnsuidh nan sùilean, leis an robh e comasach dhaibh amharc air a chéile le ùr ghàirdeachas air son na ceud uaireach ’nam beatha. Dhealaich iad aig an àm, agus cho luath sa ràinig Màiri a màthair, dh’ innis i dhi mar a thachair eadar i féin agus Iain. “Sin agad a nis,” ars ise, “toradh a’ ghairtein, agus mur ’eil mis air mo mhealladh bidh tuilleadh is sin ’na chois.” Cha do leig Iain dad air ri chàirdean féin mu’n chùis, ach thòisich e air ullachadh a dheanamh air son Màiri a phòsadh, iadsan a bhi toilichte no diumbach. Cha robh an ùine fada gus an robh am bann gu daingean air a chur air Iain agus Màiri. Rinn iad cuirm bheag a réir an comais, ach aon duine de chàirdean Iain cha d’thainig a dh’ ionnsuidh na cùirme, le olcas, cha b’ ann airson ni sam bith ach a chionn i bhi bochd gun fhearann gun fhonn. Beagan làithean an déidh Iain agus Mairi a bhi pòsda, thàinig gillean ’san nabachd ’ga iarraidh air son a dhol a mach a dh’ iasgach. Bha a’ mhadainn ciuin, is am muir réidh, agus dh’ aontaich e falbh ’nan cuideachd. ’Sann mar sin a bha, ach cha robh iad fada bho thìr ’nuair a shèid gaoth bho’n àird-a-deas a rinn a’ chulaidh bheag a sgiursadh air falbh gu meadhon a’ chuain. Chaidh am baile uile [TD 64] air ghluasad, ’sa leithid de bhròn cha robh riamh ann; Màiri bhochd air toirt thairis a’ gùl ’s ag éibheach, agus muinntir eile ’feuchainn ri co-fhurtachd a thoirt dhi, ach cha robh stà ann. Latha ’n déidh latha, is oidhche ’n déidh oidhche, bha Màiri bhochd a’ tuireadh. Nise, bha’n ùine air ruith ’san call deas, agus Màiri air a fàgail ’na bantraich òig le cridhe briste. Ann am beagan ùine, thoisich i air dol a mach a ruaradh chriomagan a bha i faotainn bho choimhearsnaich. Bha i aon latha a’ ruaradh air bruaich a’ chladaich, ’s i ’g amharc a mach air a’ chuan liath-ghorm, nuair a thàinig Iain air a h-aire cho mor ’s gun leig i i féin le closd thun na talamhainn. Shil a sùilean sios gu deurach goirt, ’s gun neach ann a bheireadh comhfhurtachd dhi. An sin thuit i ’na suain chadail agus chunnaic i bruadar sòlasach—Iain ri tighinn far an robh i, agus fiamh a’ ghàir air ’s a’ sealltainn dhi a’ ghairtein agus e ag ràdh rithe, “Seall, sud an dubh, agus sud an dearg sa’ mheadhon. Faic a rithisd,” ars’ esan. ’S an uair a sheall i rithisd air a’ ghairtean bha e uile gu léir ’na òr. An sin dhùisg Màiri, agus dh’ fhalbh i dhachaidh is dh’ innis i d’a màthair mar a chunnaic i ’sa bhruadar. “Mil air do bhruadar,” ars a màthair. “O, mo ghairtean srianach A dh’ fhigh mo mheuran caola, Thig e fathast ge b’e latha ’S bheir e rath gu cuideigin.” Chaidh bliadhna is bliadhna seachad agus dichuimhne ’tighinn air a’ chulaidh bhig is air na daoine bh’ innte—am baile gu léir air co-dhùnadh gu’n robh iad air am bàthadh [TD 65] ’sa chuan mhór, gun smuain aca gu’m faodadh iad a bhi air an togail le luing á meadhon cuain agus an cur gu tìr an aiteigin de’n t-saoghal. Tha e coltach gur ann mar sin chaidh a dheanamh. Chuireadh iad gu tìr sàbhailt air slios Americ, agus ann an sin sgap iad bho chéile an ceann cosnaidh. Cheangail Iain e féin ri tuathanach mòr, ach ged a bha iad a’ còrdadh gu maith ri chéile, bha aon ni ’san t-sealladh aig Iain, is se sin—cuin a b’urrainn e dhol dhachaidh? Cha robh Màiri a’ dol as aire. Ach latha de na làithean, bha Iain am muigh ri treabhadh, ’s gu dé bhuail an gob a’ chruinn ach cnap cruaidh. Stad na daimh, agus dh’ fheuch e ciod e bh’ ann, agus gu dé bh’ ann an sin ach bolg de chraicionn mathain làn òir agus airgid. Gun an còrr a dheanamh, ruith e, ’s dh’ innis e so d’a mhaighstir agus cho luath ’sa chunnaic esan mar a bha, dh’ iarr e air Iain na daimh a’ leigeadh as. “Tha’n so de òr ’s a dh’ airgead,” ars. am maighstir, “a ni fortan dhuinn le chéile.” Chaidh na daimh a’ leigeadh fa sgaoil, agus dh’ òrduicheadh do na h-uile seirbhiseach stad de obair. Ghabh bean a’ mhaighstir a leithid de iongantas ciod a bha ceàrr mar so, ach cha do dh’ innis iadsan facal aig an àm. Air an oidhche sin féin, chuir Iain agús am maighstir a’ cheist ri chéile gu dé a nis a dheanadh iad “Càit as an d’thàinig thu, Iain,” ars a mhaighstir. Sin an uair a dh’ innis Iain facal air an fhacal mar a dh’ éirich dha, agus dh’ innis e mu’n ghairtean cuideachd ’s gu’n ghleidh e fad na h-ùine e mar chuimhneachan air Màiri. “A nis,” ars a mhaighstir. “Se so an nì tha ’nam bheachd a dheanamh. Reicidh mi an t-àite so, agus falbhaidh mi còmhla ruitsa a dh’ ionnsuidh tìr mo bhreith is m’àrach. Rugadh mise [TD 66] ri taobh Chluaidh am baile Ghrianaig agus ann an sin theid mi air m’ ais agus thusa gu do thìr féin, Eilean Leodhais. Cho luath ’s is urrainn duit, thig a rithisd gu Grianaig far am bi mise, agus cuiridh sinn suas le chèile obair phairt air choir-èigin. A nis am bheil thu deònach air an so?” Fhreagair Iain gu’n robh. Cha robh iad fada faighinn reic air an àite, agus cha b’e so bu bheag ioghnaidh le bean a’ mhaighstir, ach an uair chaidh innseadh dhi mar a bha, ’s gann a fhuair i air cumail oirre féin le gàirdeachas. “ ’Se spùileadairean a dh’ fholaich an t-òr agus cha d’fhuair iad e rithisd, is cha’n ’eil teagamh gu’m bheil iad an diugh beò,” ars’ ise. Cha robh an ùine fad a nis gus an robh iad ullamh gu turas a’ chuain a ghabhail, agus uidh air n uidh ràinig iad uisge Chluaidh. Cha do rinn Iain mòran stad an sin, ach a’ cheud còmhail a fhuair e ghabh e thuras gu Leodhas. Mu’n d’fhalbh e, cheannaich e màileid, agus bha e mar sin an riochd ceannaiche-siubhail. Cho luath ’sa ràinig e Steornabhaigh, ghabh e chas agus choisich e null mointeach Leodhais le mhàileid air a dhruim. Nuair a ràinig e Barabhas thaghail e beagan thaighean ri reic spainnean is nithean beaga mar sin, agus mar sin air aghaidh sios Sìadar agus Bòragh Mòr. Ach cho luath ’sa ràinig e ’m faire Ghabhsuinn, thàinig smuaintean air aire, agus shuidh e air mullach Tom-na-bà. Sheall e dìreach a dh’ ionnsuidh a’ chladaich, agus an sin sheall e air a’ ghairtean. “Ma tha Màiri pòsd a rithisd,” ars’ esan, “tillidh mi, ach mur ’eil bidh gach nì ceart.” Ghabh Iain ball dìreach thun a’ bhothan bhig air bruaich a’ chladaich le mhàileid air a dhruim. Bha caochladh mòr air Iain a nis. Cha robh coltas sam bith aige ris mar bha e an latha sheol e ’sa chulaidh bhig. Sheas [TD 67] e tacan aig ceann a’ bhothain is chual e còmhradh àrd sgairteal cridheach a stigh, ach coma, ghluais Iain a steach air a shocair. Bha creach thall is creach a bhos aig a’ mhuinntir a bha stigh. “Ceannaiche siubhail,” ars iadsan. “Cha’n ’eil fios nach ’eil spàinnean aige airson na bainnse,” arsa Màiri. Bha a’ bhanais bheag ’ga h-ullachadh anns a’ bhothan aig a’ cheart àm. “O tha, spàinnean gu leòir,” ars Iain, is e ’fosgladh suas na màileid ’nan làthair. Cha robh e togail a shùla ach tearc ri Màiri. Bha ise ri feuchainn nan spàinnean is i ann an cabhaig. Ann an tiotadh, thàinig am fear a bha Màiri dol a phòsadh a steach. “Tha coigreach agaibh,” ars’ esan. “O tha,” ars Mairi agus na boirionnaich eile bha stigh, “agus tha sinn a ’dol a cheannach spàinnean fhleòdair.” “Seall! Alasdair, an saol thu an ceannaich mi dusan dhiubh?” arsa Mairi. “O ceannaichidh gu dearbh,” ars’ Alasdair, is e tionndadh ri Iain, agus ag innseadh dha gu’n robh e féin agus Màiri a ’dol a phòsadh aig se uairean feasgar an nochd agus gu’m be a bheatha-san a bhi làthair aig a’ bhanais cuideachd. Thug Iain mòran taing dha airson so, agus thuirt e gu’m biodh e glé thoillichte fantuinn, is gu’n cluinneadh e òran math Gàidhlig agus gu’n tugadh e féin dhaibh òran cuideachd. Thaitean so ri Alasdair agus Màiri cho mòr ’s nach leigeadh iad air falbh e. Nuair a chunnaic Iain so, ’sann a dh’ fhosgail e a mhaileid, agus thug e dhaibh blaigh de na h-uile dad a bh’ann airson cho coibhneil ’sa thachair iad ris. “Cha’n ’eil fios nach ’eil an t-acras air an duine chòir,” arsa Màiri. [TD 68] “Ma tha,” ars’ Alasdair, “nach ’eil sinn uile a’ dol a shuidhe aig a’ bhòrd mu’m falbh sinn thun a’ mhinistear, agus suidhidh esan maille rinn.” “O, ro mhath,” arsa na maighdeanan a bha stigh. “Cha bhi sinne fada cur a’ bhùird air dòigh.” Ann an tiotadh, chaidh iarraidh orra suidhe suas. “Thig an so a charaid,” ars Alasdair ri Iain, “agus suidh aig ceann a bhùird.” Bha Iain a’ cumail a chinn crom le uamhas, a’ beachd-smuaineachadh ciod e air an talamh a dheanadh e. Cho luath ’sa shuidh iad uile sios, rug Alasdair air a’ bhotul agus a’ cheud adharc a lion e thug e do Iain i. “So, a charaid,” ars esan. “Ol uile i, agus òl air ar slàinte gu lèir.” Dh’ éirich Iain ’na sheasamh, is thuirt e gu’n robh e toilicht a bhi làthair aig an àm so. “Agus,” ars’ esan, “tha mi ’n dochas gu’m fulaing sibh dhomh rann òrain a sheinn.” “Mach leis! Mach leis!” ars’ a’ chuideachd uile. “O,” ars’ Iain, Fhir a ghairtein shrianaich Gur cianail mi mur bi thu agam; Do chàirdean ’ga do bhriagadh Cha’n fhiach mi nach ’eil mi beartach.” “Air bhur slàinte gu lèir,” ars’ esan a rithisd, agus shuidh e sios. “C’ait an cual thu an rann ud?” arsa Màiri. “Chuala,” ars’ Iain. “ ’nam shuidhe air an leacaig ’tha fo chreagan Cro Naomh. Dh’ èirich Màiri ’na seasamh agus dh’ éibh i, “Mise! mise!” is thuit i seachad ann an neul, ach cha robh e fada. Rug Iain orra agus chuir e i [TD 69] na suidhe a rithisd, is thuirt e, “So do ghairtean air ais, a Mhàiri.” Cha b’urrainn Màiri gluasad no smid a ràdh gus mu dheireadh rug i air a’ ghairtean ’na làimh. “O,” ars’ ise, “mo ghairtean srianach A dh’ fhigh mo mhàthair ghaolach. Thig e fhathast ge be latha ’S bheir e rath gu cuideigin.” Cha robh neach an làthair nach do thuig a’ chùis. “Tha mise toileach ur fàgail,” ars’ Alasdair. “ ’S math dhomhsa an t-àm ’san d’thàinig thu.” “O,” arsa Màiri, “Thug mi gràdh do dh’ Iain ’S thug mi gaol do dh’ Iain ’Sa nis bho’n thàinig Iain ’Se Iain rùn mo chrìdh!” Dh’ fheòraich Iain an robh athair ’sa mhàthair agus a chuideachd gu léir beò. “Tha iad uile beò,” arsa Màiri. “Cuiridh sinn fìos orra ma ta,” ars’ Iain. “Theid mis agus innsidh mi dhaibh,” ars Alasdair. Cha b’fhada gus an robh uile chàirdean Iain an làthair anns a’ bhothan bheag, agus bha banais an sin da rìreadh, oidhche nach robh a leithid a riamh ann. “A nis,” ars’ Iain, “tha mi falbh am màireach as an àite so, ach gabhaibh uamsa tiodhlac airson cuideachadh leibh aig an àm.” Dh’ fhosgail e an sporan, ’s thug e ’n cheud làn laimhe do Alasdair. “So dhuitsa airson do dhragh,” ars’ Iain, “agus, a rithisd airson thu bhi cho coibhneil ri Màiri.” [TD 70] Thug e rud as an sporan do gach neach a bha làthair, ach thug e d’a athair a chuid bu mhotha dhiubh uile. Ann an là no dhà leig Iain agus Màiri slàn leis na càirdean ’sa mhadainn, agus dh’ fhalbh iad gu ruige Grianaig. Cheannaich e féin ’sa mhaighstir tigh mòr agus chuir iad air aghairt obair togail shoithichean agus thugadh “An Gairtean” mar ainm air a’ cheud soitheach a thog iad. Faodaidh mi a ràdh, cuideachd, gu’m bheil an sliochd aca saoibhir ann an Grianaig gus an latha ’n diugh. [TD 71] BODACH A’ MHUILINN. (ARNOL MILL, LEWIS). Fagasg air baile beag air taobh an iar Eilein Leodhais bha gleann* caol domhuinn a’ ruith na h-uile latha sa’ bhliadhna. Bha muileann beag air an ghleann so bho chian nan cian agus tha e air a chumail suas gus an latha ’n diugh leis na luchd aiteachaidh. Bha eachdraidh uamhasach an cois a ’mhuilinn so air chor agus nach robh duine ’sa bhaile a rachadh a bhleith gràin air an oidhche ann le eagal a’ bhodaich. Bha cuid ’ga fhaicinn ’na each mor geal agus cuid eile ’na chù mor dubh, ach se so a rinn an sgeul cho buileach uamhasach. Gu de a thachair aig aon àm ach gu’n deach fear de mhuinntir a’ bhaile le gràn do’n mhuileann rud-eiginn anmoch agus thug e leis brogach beag leis féin air son cuideachd a chumail ris re na h-oidhche. Goirid an deidh daibh an gràn fhaicinn air dòigh agus am muileann ag obair thubhairt athair ris a’ bhrogach fuireach a stigh gus an tigeadh esan le mòine a dheanadh teine gasd’ blàth dhaibh fad’ na h-oidhche, agus mar sin dh’ fhalbh e dh’ iarraidh na mòine agus dh’fhan am brogach ’sa’ mhuileann. Ach coma, ’nuair a thainig athair cha robh lorg air a’ bhrogach, is thoisich e ri eibheach A Chaluim! A Chaluim! ach *Sruthan no allt. [TD 72] cha robh Calum ’ga fhreagairt thall no bhos. Dh’ fhalbh an duine dhachaidh ’s thug e fios do’n bhaile mar thachair, ach an deidh na h-uile rannsachadh cha d’ fhuaradh Calum. Chaidh so, ma ta, a chàireadh am ploc an t-slinnein air bodach a’ mhiulinn agus ’na dheidh sin cha rachadh duine idir do’n mhuileann air latha no oidhche le eagal a’ bhodaich. Beagan ùine an deidh an ni so tachairt dh’ fhalbh duine a mhuinntir a’ bhaile air imrich gu ruige America agus thainig fear a ceann shuas na dùthcha ’na àite do’n chroit. ’Se Eoghan Mor Breabadair a b’ainm da; duine làidir treun, gun sgoil, gun eolas, ach bha e ’na bhreabadair maith. Bhitheadh Eoghan gu tric a’ cluinntinn mu bhodach a’ mhuilinn ach ’sann a dheanadh e a leoir fochaid air daoine air son a bhi creidsinn ni cho faoin. Ach gu de a bh’ann am beagan ùine ach gu’m facas Eoghan a’ falbh do’n mhuileann aig àm dol thige nan trà le poca gràin air a mhuin agus fàd teine aige air coran ’na laimh is ultach moine aige ’na uchd air son an oidhche chur seachad ’sa mhuileann. ’Nuair a chualas so, rinn dithis ghillean tapaidh cuim air son eagal mor a chur air Eoghan. Dhubh iad an aodainn le gual na prais agus chuir iad orra aodach robach ’s chuir iad iad-fein cho maith sa b’urrainn dhoibh a mach á cruth nan daoine uile gu léir. Dh’ fhalbh iad air an turas ’nuair a bha e mu mheadhon oidhche agus ’nuair a ràinig iad am muileann sheall fear dhiubh a steach air an fharlas gus am faicheadh e ciod e bha Eoghan a’ deanamh. Bha Eoghan ’na shuidhe ris an teine; an adharc shnaoisean aige ’san dara laimh agus it ’san laimh eile. Bha am muileann a’ bleith gu sùrdail agus Eoghan gun eagal, gun fhiamh roimh bhodach no [TD 73] roimh chaillich. Ach dh’fhalbh fear de na gillean gu socrach thun an doruis ’s chuir e a cheann a steach eadar a’ chòmhla agus an ursann agus sheall e null air Eoghan an clàr an aodainn. Ma sheall, sheall Eoghan air. Cha robh an dara fear ag radh facail ris an fhear eus mu dheireadh thubhairt Eoghan, “Nach tig thu steach.” “Cha bhi mise dol a steach do dh’ àite sam bith,” ars’ am fear a bha muigh. “C’ait eile am bi thu fuireach,” arsa Eoghan. Bithidh mi fuireach ’s na cnuic ud thall,” ars’ am fear eile. “Agus ciod e bha ’gad chumail beo an sin?” arsa Eoghan. “O,” arsa am fear eile, “cha bhuin mise do’n t-saoghal so idir.” Ciod e an t-àit as an d’ thainig thu ma ta a laochain? arsa Eoghan. “Thainig mi bho shios agus thainig mi bho shuas, agus tha cumhachd agam mi féin a nochdadh ann an iomadh seorsa cruth” arsa am fear eile. “Gu de an t-ainm a th’ ort?” arsa Eoghan. “ ’Se Sàtan is ainm dhomh,” arsa esan. Air m’ onair cha’n eil thu mi-choltach ris. ’S fhada bho chuala mi mu d’dhéighinn ach gu de a mhic na mallachd a tha thu ag iarraidh an so?” arsa Eoghan. “Tha mi ’g iarraidh biadh” ars’ esan. “Cha’n eil biadh an so mur ìth thu min thioram,” arsa Eoghan. “Cha’n eil gle fhada bho fhuair mi brogach beag ’sa’ mhuileann so roimh,” ars’ am fear eile. “Gu de rinn thu ris?” arsa Eoghan. “O, dh’ ìth mi e” ars’ esan. “A bheist! sann agad a tha an droch ceaird,” arsa Eoghan ’se togail cloiche móire a bha an taic ris a’ phoca ghràin ’s ’ga sadadh a mach air an fhear a bha ’san dorus, “Bheir mis’ ort. Co air bith a dh’ ìtheas tu cha’n ìth thu mise co dhiubh.” Thug am fear a bha ’san dorus na buinn agus bha sin feumail dha. Thoisich Eoghan ri tional na mine, urad ’sa [TD 74] bha air a bleith, agus an corr nach robh dh’ fhàg Eoghan an sid e. Faodar a thuigsinn nach robh e fada deanamh an tighe dhe agus a riamh gu ruige latha a bhàis cha do sheas Eoghan ’sa mhuileann tuilleadh. Chreid e mar a bha muinntir eile a’ bhaile a’ creidsinn gur e bodach a’ mhuilinn a dh’ith Calum Beag. [TD 75] BALAICH NA CALLUINN (SGEULACHD AIR SON NA CLOINNE). “’S FHADA leam gu ’m bi e ceithir uairean,” arsa Dòmhnull Beag, ’s e toirt sùil air an uaireadair bha air tallan an tigh sgoile anns an robh e gu mi-fhortanach, mar a shaoil esan, air a chuibhreachadh. “An donas air a’ ghleoc ud,” fhreagair Iain Ruadh, “cha chreid sinne nach eil i dol mòran na ’s slaodaich an diugh na ’s àbhaist dha, ach coma co-dhiùbh cha chreid mi nach fhaigh sinn oidhche mhath agus—abair—“Ploy.” Mu dheireadh thall, bhuail an clag agus fhuair na gillean an saorsa. Cha robh tuathtaich sam bith nach aithnicheadh gu’n robh rud àraidh air choir-eigin fo ’n sgéith aca, oir cha do leum fiadh riamh cho aighearach ris na broganaich chruaidh ud nuair fhuair iad an casan leo. B’e sud “Oidhche Challuinn, ’ agus bha na balaich dol a chumail suas an t-seana chleachdaidh mar a chunnaic iad bho b’ aithne dhoibh rud còir sam bith. Bha iad gu dicheallach a’ cruinneachadh, agus gu cùramach a’ gleidheadh gach sgillinn a choisinn iad gu cruaidh troimh ’n fhoghar a’ càireadh lion no biadhadh dhubhan. [TD 76] Bha h-uile fear ann an dòchas gu’m biodh tasdan co-dhiùbh aige air a chruinneachadh mu ’n tigeadh an t-àm, agus an sgìllinn mar gheabheadh e bha ì air a càireadh gu sàbhailt ann am pòca Iain Ruaidh—ionmhasair an aobhair. Bu nòs le balaich gach baìle iad fhéin a roinn ’nam buidheannan agus bha bòidean teann air an cur air gach fear nach fhaigheadh neach sam bith a mach an lideadh bu lugha mu na gnothaichean diomhair a bhatar ag ullachadh air son na Calluinn, oir bha e air a chunntadh mar thàmailt mhòir gu ’m faigheadh an dara buidheann a mach, c’àit’ an robh buidheann eile a’ cumail na Calluinn, có bha gu riaghladh, dé na bha aca dh’ airgiod, no dé cheannaich iad. A nis, ged bha iad uile cho cùiseach agus cho eudmhor mu na gnothaichean anns a’ chomunn, cha robh bheag sam bith de dhroch cridhe no de ghamhlas aca do chàch a chéile; ’s ann a bha iad anabarrach càirdeil agus fialaidh, a’ deanamh an uile dhicheill air cuid de’n chuirm a thabhairt do bhalach sam bith ged nach deach aige air an t-suim òrduichte a chur cruinn. Aig an àm air a bheil mi seanachas, thàinig balach beag á baile eile a dh’ fhuireach còmhla rì piuthar-athar anns a’ bhaile againn. Thòisich e ri dol do ’n sgoil agus ann an ùine ghoirid bha e mar gu ’m biodh e anns an sgoil bho ’n rugadh e. Rinn se e fhéin aig an tigh ann an tiotan. Bha Murchadh còir anabarrach dorcha, anns a’ chraicionn agus anns an fhalt, agus thug a’ chlann-nighean “Murchadh Dubh” mar ainm air. Ach, ma bha Murchadh [TD 77] dubh anns an fhalt, bha e da rireadh dubh agus dorcha anns an inntinn, agus cha robh coltas sam bith gu ’m faigheadh esan cruinn de dh’ aìrgiod na bheireadh a steach e do aon de bhuidheannan na Calluinn. Thachair Iain Ruadh ris là bha sud—is ann aig Iain a bha ’m poca cuimhnich. “Dé’n t-urras a th’agad a nis, Mhurchaidh?” arsa esan. “Cha’n eil ach tri sgillinnean,” arsa Murchadh. “Agus mi-shealbh ort. C’ar son nach eil thu sealltainn beò. Ged bhiodh agam ri mo sheana-mhathair a chreic, gheabhainn airgiod na Calluinn.” “Cum thusa ort, a bhalaich, tha mi dol a chreic feadaig ri Iain Thomais am màireach, ’s tha mi dol chun a ‘Chnuic’ Di-luain, agus cha chreid mi nach bi gu leòir agam mu’n tig Di-h-aoine.” “Mur bi,” arsa fear a’ phoc, “ ’s e cuid na bà maola bhitheas agadsa de ’n Challuinn,” ’s e tionndadh air falbh. Tha e coltach nach d’ fhuair Murchadh Dubh mòran prìs air an fheadaig, agus nach d’thug piuthar a mhàthar dha mòran air son a thurais chun a’ Chnuic, oir, nuair thàinig Di-h-aoine bha e fhathast air tri sgillinnean. Ach bha na balaich teo-chridheach, agus cha robh iad air son gu’m biodh e air fhàgail a mach, gu h-àraidh a chionn ’s gur e coigreach a bh’ ann gun fhios nach cuireadh e ainm a’ bhaile “fad is farsuing.” Nuair a sgaoil an sgoil, mata, an latha bha so, chruinnich na balaich aig cùl cruach-mhòna air son cùis Mhurchaidh a chur an dara taobh. [TD 78] “Tha mise deònach gu’n leig sibh ann e,” arsa Iain Ruadh, “ma bheir e dhòmhsa a thri sgillinnean.” “An e sin urras a th’ aige?” arsa fear thall ’s a bhos. “ ’S e,” arsa Iain, “duine gun pluck! ach mur a seall e beò an ath thuras, cha chuir e ghob an so.” “Coma co-dhiùbh, fheara!” arsa Coinneach Iain,—balach ciuin, glic, a bha riaghladh chàich—“leigidh sinn ann e am bliadhna mar tha e.” Cha robh tuilleadh dàil anns a’ chùis. Chaidh eigheach air Murchadh. “Thoir dhòmhsa do chuid airgid,” arsa Iain Ruadh, “agus gheabh thu còmhla ruinne.” “Bheir, a bhalaich, agus ciad taing.” “Nis,” arsa Iain, “feumaidh tu do mhionnan a’ thoirt dhuinne, air a’ Bhiobull nach innis thu do dhuine beò dad a chì no chluinneas thu, no dad a ni sinne gu madainn.” “Mo mhionnan air a’ Bhiobull ’s air ‘Leabhar Dearg No. 3’ (leabhar nach b’urrainn da ionnsachadh air chor air bith) nach innis mi càil a chi no chluinneas mi. Faodaidh sibh bhi cinnteach as a sin.” “Ceart gu leòir! coinnich sinne aig seachd uairean.” Dh’ fhalbh na fir, ’s le ceumannan siubhlach, suigeartach a’ ruith mar fiadh-bheathaichean, chaidh iad as an t-sealladh gach aon gu àite fhéin a dh’ ullachadh air son cuirm na h-oidhche. Cha’n eil duine chunnaic an seana chleachdadh so ’ga chumail suas nach cuimhnich gu math, agus nach tuig glé mhath cuideachd dé bha na balaich dol a dheanamh a’ chiad chuid de’n oidhche. Cha robh tigh anns a’ bhaile [TD 79] nach taghladh gach “Buidheann Calluinn.” Bha poca deiseil air son arain, ìm no rud tlachdmhor blasda sam bith a bheireadh bean-an-tighe seachad, ’s bha i cinnteach rud-eigin a bhi aice deiseil. Bha “duan na Calluinn” air a ghabhail le fear de na balaich mu’n tigeadh iad a steach. An déidh sin bha “Fear a’ Chraicinn” a’ cur tri chuairtean mu’n teine agus cothrom aig duine sam bith gabhail dha mu’n druim le maidean, le stocainn làn chaoran, no le rud sam bith bu deiseil no bu fhreagarraiche. Sud an gille còir a bha pàigheadh daor air a’ “Bhonnach Calluinn.” Ach, tha mi air son dol air aghaidh le mo sheanachas agus tighinn gu mo charaid Murchadh. Bha bean Ruairidh Mhòir gu math trang fad an latha ’g ullachadh an t-sabhuill air son nam balach. Sguaib i gu math e; chuir i being air gach taobh dhe, agus dh’ fhad i teine ann am meadhon an làir. Thàinig na balaich le luchd mu naoi uairean. Cha’n fhaiceadh duine, ach sùil glé eòlach, aon bhoillsgeadh soluis as an t-sabhull, oir bha gach uinneag agus toll air an còmhdach le sgrathan agus aodach. Shuidh na gillean mu ’n teine. Chaidh prais a’ chrochadh air an t-slabhraidh, agus bha coltas gu’n robh oidhche mhòr gu bhi ann an sabhull Ruairidh. “Dé th’ agad anns a’ phrais, a bhean Ruairidh?” arsa Murchadh Dubh. “Ubhal-a’-bhigis,” arsa a’ chailleach. “De seòrsa rud tha sin?” arsa Murchadh. “Bleagard cha’n fhaigh a mach, ’s duine uasal cha’n fhoighnich,” fhreagair Iain Ruadh. [TD 80] “Bi ’nad thàmh, a Mhurchaidh, agus na bi cur ceistean mi-mhodhail air bean-an-tighe, ach innis dhuinn ciamar a bhitheadh iad a’ deanamh Oidhche Challuinn anns a’ bhaile agaibh fhéin.” Sud direach rud a bha Murchadh ag iarraidh cothrom bruidhinn air ’s cha’n iarradh e ’n còrr. Thòisich Murchadh air a sheanachas, agus ’s ann an sin bha na sgeulachdan mu ghniomharan cho calma, smiorail agus cho mìorbhuileach ’s a chuala tu riamh air an leughadh as na Sgeulachdan Aràbach. Bha na balaich air an lìonadh le iongantas; dh’ eisd iad, ’s a h-uile fear le bheul cho fosgailte ’s gu ’n cuireadh tu buntata sios ’na amhaich gus, mu dheireadh— “Eisd! Eisd! an cuala tu sud?” arsa Iain Ruadh, an aon duine bha deanamh dà obair còmhla. Bha e ’g eisdeachd ri Murchadh, ach aig a’ cheart àm a’ faire gun fhios nach robh duine sam bith a’ feall-fholach orra troimh tholl ann am balla, no nuas troimh an toll bha am mullach an t-sabhuill. “Dé dh’ fhairich thu?” arsa fear shios is shuas. “Tha mi mionnaichte gu’m bheil cuid-eigin a’ falbh am muigh air an tota.” “Ma tha, ’s i do shean-mhathair aig am bheil a’ bhuidseachd,” arsa Cailean—fear beag luideach bha uamhasach diombach gu’n deach dragh a chur air sgeulachdan Mhurchaidh. “Buidseachd ann no as,” fhreagair Iain, “tha mi cinnteach gu’m bheil rudeigin a’ falbh mu’n cuairt air an t-sabhull, ach ‘Mac-an-Fhir Ud’ ma gheabh mise aon [TD 81] bhuile de’n chuaille so air,” ’s e breth air slachdan buntàta agus a’ deanamh air an dorus—“Cha bhi casan air no ceann nach bi cho pronn ris an smùr.” Cha deach smid a ràdh gus na thill Iain. “Có bh’ann, Iain?” “Cha’n fhaca mi duine.” “Cha’n fhaca ’s cha’n fhaic” arsa Cailean, “tha thu cho làn de na nerves ri do shean-mhathair.” “Dh’ fhaodadh gur e taibhse chunnaic thu, Iain, arsa Murchadh Dubh. “ ’S ann a tha ’n taibhse ann do shean-mhathair,” fhreagair Iain le sgraing, nuair a chunnaic e gu’n robh iad an geall air fanaid a dheanamh air; “ach cha chreid mi fhathast nach eil droch rud a’ cuachail mu’n t-sabhull.” Bha Iain ceart. Bha ceathrar bhalach—feadhainn an déidh fàs gu math mòr, agus nach robh cumail na Calluinn iad fhéin—am muigh fad na h-oidhche a dh’ aon bhagh air son faighinn a mach c’àit’ an robh gach buidheann a’ cumail na Calluinn. A dh’ aindeoin dicheill nam balach ri dubhadh nan uinneagan ’s nan toll, fhuaireadh am mach an sabhull. Gu mi fhortanach bha uinneag mhòr ann an ceann an t-sabhuill air a dùnadh le bòrd bho ’n taobh muigh, agus bha i cho àrd ’s nach ruigeadh na balaich bheaga oirre, agus air an aobhar sin shaoil iad gu’n robh i sàbhailt gu leòir; ach dhi-chuimhnich iad gu’n robh casan fada air gillean eile a’ bhaile. Fhuair na gillean lorg air an uinneig so, agus ’s e an sgrìobadh bha orra ’ga fosgladh a chuir dragh air Iain [TD 82] Ruadh nuair a chaidh e mach leis an t-slachdan, Dh’ fholuich iad iad-fhéin nuair bha Iain am muigh air an lorg agus thill iad an sin chun na h-uinneig. Chitheadh iad gach ni bha dol air aghart, agus chluinneadh iad gach focal a theireadh na balaich. Bha Murchadh a’ bruidhinn gun sgur; ach bha càch a’ fas ocrach agus bha ’n aire a’ tionndadh air a’ phrais agus gnothaichean eile comh-cheangailte ris a’ bhiadh. Bha iad uile fàs mi-fhoighidneach nach robh a’ chailleach a’ cur sgoinn oirre. “Tosd nis, a Mhurchaidh, tha mi sgith de d’ chlabadaich bho thàinig an oidhche,” arsa fear. “Dais ort!” arsa fear eile, “c’ar son a tha thu cur na luathadh d’an phrais?” “Thoir mach na h-ùbhlan, a Choinnich,” arsa fear thall ’s a bhos, ris a’ cheannard. Bha na gillean aig an uinneig a’ cluinntinn a h-uile càil de so, agus mòran a bharrachd air. Agus bha iad a’ deanamh suas ’nan inntinn rud-eigin a dheanamh air son eagal a chur air na balaich bheaga. So mar rinn iad. Bha lòn mòr ri taobh an t-sabhuill, agus mòran thunnagan a’ snamh air. Rug iad air tè mhòir ghil, agus cheangail iad sreang m’a gob air son a cumail sàmhach, agus dh’ fhalbh iad leatha chun na h-uinneig. Am measg na h-ùpraid bha stigh, bha aon duine bha uamhasach mi-chomhfhurtail. B’e sin Iain Ruadh. Bha e cinnteach gu’n robh rudeigin mi-chneasda timchioll an tighe; ach cha ’n abradh e smid, oir bha fhios aige gu’n deanadh càch amadan deth. Bha na gillean am muigh [TD 83] aig an uinneig a’ feitheamh an fhàth. Nuair bha gach duine ’na shuidhe mu’n teine—sàmhach air son mionaid no dhà—thug na gillean an t-sreang bharr gob na tunnaige, agus le ràn uamhasach neò-thalmhaidh phlac i sios os cionn na praise ’s na luathadh. “Mort! Mort! Mo Chreach! Sàtan!” arsa fear thall ’s a bhos. Chaidh an ceòl air feadh na fidhle. “An e buidseachd tha sud, a Mhurchaidh Dhuibh?” arsa Iain Ruadh, ’s cha robh an ath shealladh aca air mach an dorus as déidh na muinntir bha feall-fholach air an t-sabhull. Bu diomhainn obair dha. Thug na fir am fireach orra ann am prioba na sùla, ’s cha’n fhacas tuilleadh iad, agus thill Iain a steach agus loisg e air na balaich. “Sibhse bruidhinn air nerves, ’s air buidseachd,” arsa esan. “Cha chreid mi nach eil gu leòir agaibh anns a’ phrais dhuibh nis.” “Bi ’nad thàmh,” arsa Cailean, “cha’n eil mi ’g radh nach e do shean-mhathair bha sud an déidh a dhol ’na tunnaig.” Lach na balaich gu cruaidh, agus Iain fhein na bu chruaidhe na duine sam bith. Chuir sud iad ann am fonn snasail, agus bhuail iad air itheadh mheasan, aran agus iomadh ni eile. Bha cuirm ghasda aca ged chaidh—mar thubhairt Coinneach—“Sùgh na feola dheanamh na lòn thunnag.” “Ach ciamar fhuair thusa am mach na nithean sin,” tha thu ’g radh. Nach do dh’ innis Murchadh a h-uile facal dhe do na balaich a bha ann am buidheann eile! Bhris e [TD 84] bhòidean, agus bha na balaich bha cho coibhneil ris air an tàmailteachadh gu mór oir cha d’ fhuair iad ainm eile air son uine fhada an déidh sin ach “Balaich na Tunnaige.” Bha na balaich a’ maoidheadh an craicionn a thoirt dheth na ’m faigheadh iad cothrom ceart air; ach dh’ fhalbh Murchadh as a’ bhaile glé ghoirid an deidh sin—’s bha sin cho math dha—agus ma tha e beò fhathast ’s e nach robh buaidh aig guidhe air. [TD 85] ORAN DO’N DEIDEADH. O, fuirich bhuam a ghalair thruaigh, Fuirich bhuam a dhéididh, Fuirich bhuam ’s na tig am chòir, Mo chreach ’s mo leon ’se ’n déideadh! Air oidhche dhomh ’s mi ’na mo shuain, Gu socrach suaimhneach céillidh, Thàinig e le sgal gu m’ chluais, Is bhuail e mi ’sa ghialan! Chuir e mi mar dhuine air chùth’ch, Gun duil ri saorsainn fhaotainn, Ghlaodh mi mort na h-iomadh uair, Mo chreach ’se fuachd an déideadh! “Stad, stad!” arsa a’ bhean, “bitheadh faidhidinn agad.” Chluinneadh tu mi air an t-sràid, Le m’ ioraim chràitich chianail. Mar neach ’s e dlùth air dorsaibh bàis, Gun chobhair dhà ach piantaibh. [TD 86] Ars’ ise—“Cha’n fhad gu’m faigh thu faoch’, Is gnothach faoin dhuit éigheach, Is fearr dhuit éirigh ’s a dhol sìos, ’S do bheul chur ris an éibhil.” Leis na h-uile éigh a bheirinn asam: “So dhuit,” theireadh ise, “uiread eile dhuit, is iomadh uair a bha thu féin a’ fanaid ormsa, agus òbh, òbh! bu bheag do thruas ri daoine eile leis; thainig fìor á fanaid.” Sin dh’ éirich mi ’s mi as mo rian, Mo ghialan tigh’nn bho chéile, Is saoileam na’m biodh agam sgian, Gu’n riabainn as a’ chéil’ iad! Ars’ ise, “fuirich cuiridh mi fuar-lit Air a’ chluais a tha ’na h-éiginn”: “Mort!” ars’ mise, “teich gu luath, Mo chreach nach truagh an déideadh!” “Is math an aire,” arsa ise, “bho nach leig thu càil a chur air; an gabh thu balgam teith: is fheairrd thu e.” Mo bheul cha bhlais; cha seall air càil; Is cràiteach leam a smaointinn; A so mur faigh mi fuasgladh tràth, Bidh m’ àirnean uile sgaoilte! [TD 87] Ise— Mar nach faireadh duine riamh, Bho chiann, ach thusa déideadh; Is e bhi faidhidinneach am pian, Is fearr na trian de chéille. “Am bheil thu na’s fhearr?” arsa ise; “tha,” arsa mise, “cha’n eil dùil agam nach e bh’ ann ‘siataig a’ chuthaich.’ ” “Ciod eile bha ann,” arsa ise, “agus na ’m biodh e air seasamh deich mionaidean eile, cha’n eil fiacaill ’na do chlaigeann nach robh cho min ris a’ chàth.” This volume contains all the writings of the Bard that the Publishers can trace at the date of publication. If any reader can supply any additional pieces will he please communicate with the Publishers. [TD 88] Bardachd Leodhais [Beurla] Lewis Bards (Bardachd Leodhais), fo laimh Iain N. Macleoid. [Beurla] He was at his best in ‘Spiorad a’ Charthannais,’ and ‘Spiorad an Uabhair.’ Mr. Macleod has rescued from comparative oblivion a body of modern Gaelic poetry that deserves a place alongside other well-known Gaelic collections.”—An Deo Gréine. [Beurla] Ceol nan Gaidheal (Songs of the Gael), edited by “Fionn” [Beurla] [TD 89] [Beurla] Dain Spioradail le Calum Macneacail, Maighstir-sgoile ann am Barrabhas. Nicolson’s Spiritual Songs, edited by John M. Macleoid, Compiler of “Bardachd Leodhais.” 1/- net (25 cents), postage 2d. “Dain Spioradail” is a booklet of forty-six pages containing the versified effusions of the late Malcolm Nicolson, the fine old schoolmaster of Barvas, Lewis. [Beurla] The pieces are experimental and didactic, and will doubtless be welcomed at many a Gaelic fireside, giving pleasure and profit to the readers, and thus justifying the desire of those who pleaded for a separate existence for these “Dain Spioradail” from among Bardachd Leodhais. [Beurla] [TD 90] [Beurla] Neil MacLeod’s Two Best Songs— (1) “FAR AN ROBH MI’N RAOIR.” (2) “AN GLEANN ’SAN ROBH MI OG.” [Beurla] Perhaps the most popular of his songs is that delightful one, “An gleann ’san robh mi og.” ’N uair a philleas ruinn an samhradh, Bidh gach doire’s crann fo chroic; Na h-eoin air bharr nam meanglan Deanamh caithreim bhinn le’n ceol; A chlann bheag a’ruith le fonn Mu gach tom a’buain nan ros— B’e mo mhiann a’ bhi ’s an am sin Anns a’ghleann ’san robh mi og. [Beurla] In “An Gleann ’san robh mi og” (My Bonnie Native Glen), he gives us a pleasing picture of the social life in a Highland glen in his happy boyhood days; then we have another picture where with pathos, feeling and beauty of expression and sentiment the bard sings of “the change ’twixt now and then,” and in haunting strains laments the desolated land and banished people. Duncan Ban Macintyre’s Popular Song— (3) “CEAD DEIREANNACH NAM BEANN.” [Beurla] The very title of the song is full of sadness— “Cead deireannach nam Beann”— The Last Farewell to the Bens. Almost every Gael is familiar with its opening lines:— Bha mi’n de ’m Beinn Dorain, ’S na coir cha robh mi aineolach. Another of the Popular Songs of To-Day— (4) “BU CHAOMH LEAM ’BHI MIREADH.” [Beurla]