[C 1] AN TREORAICHE, LEABHRAN SGOIL AIR SON NA CLOINNE. [Dealbh] AIR A CHUR A MACH LE AONGHAS MAC AOIDH, LEABHAR-REICEADAIR, 43 MURRAY PLACE, STRUIBHLE. 3D. 1903. [TD 1] AN TREÒRAICHE. [TD 2] Bha an leabhran so air a chur ri chéile le Calum Mac Phàrlain; agus air a chur a mach le còmhnadh o Chéilidh nan Gaidheal am Baile Ghlascho. Mac-an-Rothaich agus Mac-Sheumais, Struibhle. [TD 3] AN AIBIDIL. A’ MHEANBH-LITIR. No foghairean. a; o, u; e, i. à; ò, ó, ù; è, é, ì. Na comh-fhoghairean. c, g; t, d, s; l, n, r; p, b, f, m; h. A’ GHARBH-LITIR. A; O, U; E, I. C, G; T, D, S; L, N, R; P, B, F, M; H. [TD 4] có, cù, gò, tà, tù, dà, là, rù, bó, mò; cé, té, tì, dé, dì, sè, ré, nì, bì, mì. co, gu, do, no, na, ro, bu, fo, fa, mo, mu, ma, ge, de, le, re, mi. [Dealbh] CÙ. so. òg, òl, àl, àr, òr, ùr, òb, ìm. àm. ag, at, ad, ud, as, os, an, ar, ur, ob, am. is. thà, bhà, chì, thu, cha, ann. 1. So an cù. An è an cù òg? Is è. Is bó so: cha chù e. 2. So ìm. Is ìm ùr e. Dé a nì mi le ìm ùr? 3. Dé an nì a tha an so? Or. Cha ’n e òr a tha ann. [TD 5] 4. Dé so? Ad. An ad ùr i? Is ad ùr i. Tha dà ad ann. 5. Tha an cù ud òg. Tha e ro òg. Bha e an so an dé. Tha an dà chù ud òg. 6. Có an té òg a tha an so? An e so a cù? Cha ’n è. Tha an cù ud ag òl. Bha e an so an dé. 7. Dà chù. Dà nì. Da àl. Dà ad. Ma nì thu an dà nì, chì thu dé a nì mi. Dé a nì mi le so? Am bi àl òg ann? Na ob òr, no nì ùr a tha ann. cù, chù; té, thé; tà, thà; dà, dhà; gò, ghò; dì, dhì; bó, bhó; bì, bhì; mì, mhì, co, cho; cha. [Dealbh] CAT. cat, mór, sin, ach, agus, -sa. 8. Tha an cù sin mór. Tha e sin. Tha an cù is an cat mór. Tha dà chù agus dà chat an so. Tha bó an sin agus do chù-sa an so. Dé a nì mi le dà chat? Bha té òg an so an dé. Bha i ann mu ’n àm so. Tha a’ bhó so cho mór ri do dhà chù-sa. [TD 6] 9. Cha bhi mi an so na ’s mò. Bha mi ann an dé, ach cha mi ann na ’s mò. Có a tha ’n sin? Có a th’ ann? Co a bh’ ann? ’S i an té òg a bh’ ann. càl, cù, gùn, tùr dùn, dàn, tàl, sàr, làn, lùb, làr, ràc, ròs, ràn, rùn, pòs, bàn, fàg, fàs, ròn, fàl, mór, Pàl, sàs; cìr, tìr, sìn, mìn, mìr, sìd. sibh. cat, cas, cur, gad, gar, gob, gur, gun, gus, gal, dol, lus, dag, dad, tog, tug, lag, las, lot, bac, mag, boc, bun, bus, bas, bog, far, rag, fan, mol, mac, muc, mar, mur, son, Rob, sop, soc, sac, ruc; gin, sin, ris, min, fir, tig, big, nis. cha ’n. obh, óbh! ubh, ùbh! àth, ùgh. ath, ith, agh, ugh, amh, och! iad, air, aig, ais, anns. com, tom, lom, cam, cum, rum. [TD 7] 10. Tha an càl sin mór. Tha e a’ fàs mór. Có air son a tha an càl sin? Tha e air mo shon-sa. 11. Chì mi an dùn. Tha tùr air an dùn. Tha an tùr mór. Tha dà thùr air an dùn. Tha na fir aig an tùr. Am fan na fir air an dùn? Tha ’n cù a’ dol do ’n dùn. Na bac e. Am bac mi an cat? Tha ’n cat lag: na tog e. [Dealbh] DÙN. 12. Dé an t-àm a tha e? Tha ’n t-àm ann air son dol as a so. Tha Pàl a’ dol do ’n lag ud. Dé an lus a th’ aig Pàl? Cha n e lus a th’ ann, ach sop bàn a bha air an tom. [TD 8] 13. Tha rud bàn air an dùn. An e muc a th’ ann? Cha ’n è; ach ’s e cù a th’ ann. An e do chù bàn-sa a th’ ann? ’S è. Bha e an sin an dé. Sin an cù a rìs. Tha e dol air an ruc. Fan an so gus an tog mi an ruc. 14. Tha am mac òg a’ fàs mór. Tha sè mic aig an té ud. Tha cìr aig a’ mhac òg. Chi mi cìr air an làr. Tha dà chìr air an làr. Fàg a’ chìr sin. Na tog i gus an tig mi air ais. Dé a tha cur air a’ mhac òg? Tha e a’ gul a nis. Na mag air. Na tog an cat sin: fàg air an làr e, mar a bha e. Dé an t-ath ni a nì thu? [Dealbh] BÓ. 15. Tha sè fir air an dùn. Chì mi dà chù ann. An e so do chù-sa no mo chù-sa? Is e so mo chù-sa; ach ’s e sin a bó-se. Tha mac bàn na té sin a’ fàs mór. An e sin e air a cùl? ’S é. Ma tà, tha e a’ gul. Obh, óbh! Tha e bog. Dé a tha cur air? Na bi a’ gul mar sin, a mhic. [TD 9] 16. Tha gùn ùr air an té so. An e sin a gùn ùr? ’S è. Tha min air a’ ghùn sin. Tha min air an làr an so. Bha i aig a’ mhin. Tha an sac so làn. Na tog a’ mhin gus an tig mi a rìs. 17. Tha sop agus gad air an làr. Dé a ni thu le gad? An lùb mi an gad? Tha an gad rag. Fag an sop agus an gad air an làr gus an tig na fir air an ais a rìs. Tha na fir aig an àth, ach thig Pàl air ais. 18. Is lus mór an lus so. Dé an lus a th’ ann? An e ròs a th’ ann? Chan ’n è. An e ròs a tha ’n so, ma tà? ’S è. Tha ròs a’ fàs anns an lag. 19. So ugh. Is ugh amh i. An ith mi i? Na h-ith. Na h-ith ugh amh; ach ith ugh ùr. An e so ugh ùr? ’S è: ith sin. [Dealbh] RÒS. 20. Chì mi an tom. Tha e lom. Bha Rob air an tom an dé. Tha Rob mór ged tha e cam. Na mol Rob. Tha Pàl cho mór ri Rob. Tha Pàl air an tom. Tha fàl aig Rob; tha ràc aig Pàl. An tog mi ruc? Na tog. Fag an ràc sin mar a thà e. [TD 10] 21. An e so dag? ’S è. Sìn an so e. An lot mi an cat? Na lot an cat, a mhic. An lot mi cù, no muc? Na lot cù, no cat, no muc, a mhic; ach fàg an dag sin mar a bhà e. Na chì na big, ’s e nì na big. [Dealbh] MUC. 22. Sin an dùn a rìs. Tha an dùn air tìr. Tha na fir air tìr. An tig na fir ud gu tìr aig an àm so? Mur tig na fir gu tìr dé a nì na mic? Tha na fir a’ dol gu tìr a nis. 23. Tha na fir a’ cur an t-sìl. An tig na fir an so? Thig. Tha sac làn sìl aig an dùn. Tha mi a’ dol do’ n dùn: an tig thusa? Thig, ma thig Mór. A Mhór, an tig thu do ’n dùn? 24. Chì mi ròn air tìr aig an òb. Tha dà ròn air tìr a nis. An las mi air an ròn ud? Tha ’n dag aig Pàl. Ach tha e gun dad ann. àrd, òrd; Art, ort; orm, arm; alt, olc; ars, arsa. crò, clò, cnò; trì, clì, glé; gnù, tnù, gnè, crè, brù. esan, rinn, robh. [TD 11] 25. Tha tùr air an dùn àrd. Tha an tùr glé àrd. Bha Mór agus Rob aig an tùr. Tha ’n t-agh aig an tùr. Tha Rob a’ cur nan con ris. Sin iad air an tom a nis. An le Rob no le Pàl an cù bàn ud a tha ’g òl? Is le Rob e. Is cù olc e. Tha e glé olc. So Rob agus Pàl; ach có e a tha an sin? Sin Art. Tha trì fir agus dà chù ann. [Dealbh] TÙR. 26. Tha cnù air an làr: sir i. An tog mi i? An ith mi i? Na h-ith i. Fàg an so i. Bha dà chnù air an làr. Tha cnù aig a’ mhac òg. An ith e a chnù-san no mo chnù-sa? 27. Tha gùn ùr ort. An e an gùn so? Bha e orm an dé. Tha an ad so a tha orm ’na h-ad [TD 12] ùr. An robh i ort an dé? Bha. An e ad bhog a tha aig Rob? ’S è. Is mìn an clò a th’ anns an ad sin. 28. Tha Pàl cho àrd ri Rob. Is olc an nì a rinn Rob: thog e a chas do ’n chù. Bha esan agus an cù bàn aig an tùr an dé. Bha sac aig Rob. Bha an sac làn sìl. clag, cron, cròg, glas, cnag, glan, flùr, glùn, bròg, brot, brat, broc, bris, bric, glic, tric, prìs, clis, Bran, cnoc, sròn, fras, blas, glac, spad, spòg, grad, droch, spoch, grod, slat, sgob, slàn, smal, stòl, smig. dòrn, bòrd, bàrd, corp, càrn; mart, mort, port, tart, gart; borb, gorm, garg, lorg, colg, salm, tolm, tilg, falt, mult. toll, tonn, fonn, donn, gann, fann, mall, call, dall, thall, nall, Gall, srann, crom, trom, till, mill, cill, tinn, sinn. còta, bata, bàta, fada, Anna, aca, orra, pòca, dona, poca, òga, gunna; ise, mise, sinne, bile, mìle, fine, Sìne, innte, oirre. [TD 13] agam, Tómas, dorus, tobar, facal, radan, òran, Dosan, Mórag, cadal, caman, agad, móran, Oban, Calum. féin, fhéin; bheil. [Dealbh] TOBAR. 29. So an cù glas: tha e ’na chadal air an làr. Is e sin Bran, agus is e so Dosan, an cù bàn. Is cù glan e; ach tha e borb. Tha cù thall aig an tobar. Is le Calum an cù ud. 30. Tha càrn air an tom. Tha radan fo ’n chàrn. Glac e, ma tà. Cha ghlac mise e: fan gus an tig Dosan. So Bran agus Dosan. Ghlac Dosan an radan. An ith cù radan? Cha ’n ith. Na fàg Bran anns an toll. Bha Dosan clis. Cha ’n eil e cho bras ri Bran; ach tha e glic. Bha colg air Dosan. [TD 14] 31. Tha fras air an dùn. Tha na fir aig an tùr. Tha Anna agus Mórag aig a’ chàrn. An tig an fhras an so? Cha tig. Tha ’n fhras trom. Tha i glé throm air a’ chnoc ud thall. 32. Is mór an dòrn a tha air Tómas. Is mór a’ chròg a tha ort féin. Glac an lorg so ’nad dhòrn. An e am bata? ’S è. Spad an cù sin. Cha spad mi. Thig an so agus tog do spòg. 33. Bha ’n cat agus Bran ri cath. Lot an cat Bran. Is droch chat e. An croch sinn e? Na croch. Na tog do bhata do ’n chat: cha robh e ri cron; ach spad an radan mór ud. [Dealbh] BÀTA. 34. Tha bàta aig Calum nan òran. Tha i fada bho thìr. An tig i gu port mu ’m fàg sinn so? Cha tig. Tha port aig an dùn. An ann thall aig an tom a tha e? ’S ann aig an tom ghorm ud a tha e. Tha càrn glas air an tom. 35. Tha dà bhata aig Calum. “Agus dà òran” arsa Mór òg. O! Tha móran òran aig [TD 15] Calum: is bàrd Calum. Cha ’n eil Calum ’na dhroch bhàrd, idir. 36. Tha pòr anns a’ phoca sin. Tog ort e, agus fàg aig Pàl e. Am bheil dad agad ’nad phòca? Am bheil aran agad? Tha; agus tha ìm air. Tha blas air an ìm sin. An e droch bhlas? ’S è. Ma tà, tha an t-ìm ùr. [Dealbh] CAMANACHD. 37. Dé an rud cam a th’ agad an sin? Caman. Sìn an so do chaman. Cas no bas? Cas. Nis na mill mo chaman. Bris an stob sin. Cha bhris idir. Bris an t-slat so. Lùb an gas fada sin gu làr. 38. Am bheil thu a’ dol fada? Cha ’n eil ro fhada. Am bheil Anna a’ dol ann? Thà. Tha falt donn air Anna. Tha fonn air Sìne bhig. Am bheil ise a’ dol anns a’ bhàta? Am bheil gunna agad? Mur eil, till air a son. Stad! Tha smal air do smig. [TD 16] math, dath, cath, guth, loth, crath, srath, bith, crith, stuth, bàth, blàth, bràth, bùth, gnàth, tràth, sìth, bith, strìth, frìth, deth, leth, ràdh, gràdh, bràdh, lagh, dragh, bladh, cladh, crodh, nigh, figh, bligh, sgith, rìgh, bidh, loch, luch, och, mach, rach, lach, clach, gach, nach, moch, càch, dubh, gabh, lobh, sàbh, làmh, ràmh, cnàmh, snàmh, damh. leis; domh, dhomh; ged, sud. 39. Is math an cù dubh. Nach robh e a mach air an tom an dé? Bha; agus bha Bran leis. Is droch chù Bran: gabh air. Dé an dath a th’ air Bran? Tha e glas; ach tha Dosan donn. [Dealbh] LOTH. 49. Tha an loth dubh; ach tha a cas bàn. Tha i a’ fàs mór. Tha i mór ged tha i òg. [TD 17] Dé a tha thu ag ràdh? Tha mi ag ràdh gur mór an loth ged is òg i. An i a tha an sud aig a’ chladh? Cha ’n i: sud i dlùth do ’n loch. 50. Tha am bàta dlùth air tìr. Tha na fir òga a mach air an loch; ach tha càch air tìr. Am bheil Calum a mach air an loch? Cha ’n ’eil. Tha an cù a’ snàmh gu tìr. Ghlac e lach. 51. Tha an là blàth. Is math gu ’m bheil. Tha mi a’ dol a mach air an loch. Am bheil thu a’ dol a shnàmh? Cha ’n eil: tha mi a’ dol anns a’ bhàta. [Dealbh] CRODH. 52. An tusa a th’ ann, Anna? Is mi. Am faca tu an crodh? Tha iad a mach air an t-srath. Am bheil a’ bhó a mach? Cha ’n eil. Rach thusa agus Mór do ’n loch agus bàth an cat. O! na bàth an cat: is cat math e. Cha ’n eil e ’na chat math: cha ghlac e luch no radan. Bha e a’ cath ris a’ chù an dé. Is droch chù e a bhi a’ cath ri cat. Bàth an cù. Cha bhàth mi cù no cat. [TD 18] 53. Tha an cù an sàs anns an damh. Gabh air a’ chù. Cha tog mi làmh dha. Tog do chas dha, ma tà. An tilg mi clach air? Na tilg. Bha an damh donn air an làr a’ cnàmh a chìr agus bha an cù thall air a’ chnoc. 54. Is math an t-sìd a th’ ann a nis. Tha ’n là blàth. Tha e ro bhlàth. Cha robh e cho blàth an dé. Bha e blàth air an loch. An robh? Bha; agus bha na fir teth. Bha sith air gach nì. 55. Bhàth iad an cù. Có a rinn e? Rinn na fir òga. Is olc a rinn iad. Cha tig e air ais gu bràth as an loch. Och, och! agus och eile. Dé an dath a bha air? Bha e dubh. Bha esan agus an damh donn aig a’ chladh an dé. 56. Sìn domh do làmh: is fada bho ’n dà là sin! An gabh thu mìr bìdh? Am bheil mìr agad? Tha aran is ìm agam. Tha an t-ìm sin gun bhlas gun bhladh. Ma ta, tha e ùr as a’ bhùth. Fag an t-ìm agus òl an stuth so. Dé an stuth blàth a th’ agad an sin? ’S e so tea. Cha ’n eil moran brìgh an tea. 57. So tri bric a thug mi as an loch. Cuin a bha thu aig an loch? Bha mi aig an loch an dé. Bha Tómas ann. An robh sibh air tìr no anns a’ bhàta. Bha sinn air tìr. n air tir. 58. An i sin do bhàta-sa? ’S i. Tha am [TD 19] bàta sin math. Cha ’n eil i trom idir. An tog sinn i? Na tog. Fàg an ròpa sin mar a tha e agus na bi ri cron. Tha ràmh anns a’ bhàta. 59. So an cù glas. Till e. Tilg clach air. Thill e. Am bheil an cù glas dall? Cha ’n eil; [Dealbh] LOCH. ach tha e cam. Is mor an call call sùla. Is rìgh an cam am measg nan dall. An ann o thìr nan Gall a tha e? Cha ’n ann. 60. Am faca tu an tonn mór ud? Cha mhór nach do bhàth e Calum donn. Bha Calum a mach aig a’ bhàta. An le Calum an damh [TD 20] donn? Is leis. Is grinn, glan e. Cha ’n eil fonn air Calum a nis. cat, cait; dùn, dùin; tùr, tùir; cal, càil; dàn, dàin; làr, làir; ròs, ròis; mór, móire; Pàl, Pàil; Sùil, sùla; cuir, cur; muc, muice; ruc, ruic; sac, saic; blas, blais; glas, glaise; cnag, cnaige; bras, braise; glac, glaice; sròn, sròine; mart, mairt; bàrd, bàird; guil, gul; bàs, bàis; rag, raige; bas, boise ; cas, coise; mac, mic; cù, con, coin; bó, boine. bòrd, bùird; lorg, luirg; borb, buirbe; càrn, cùirn; òrd, ùird; port, puirt; cnoc, cnuic; olc, uilc; boc, buic; bog; buige; crodh, cruidh. gob, guib; sop, suip; com, cuim; tom, tuim; lom, luim; crom, cruim; toll, tuill; donn, duinne; tonn, tuinne; dall, doille; Gall, Goill; allt, uillt; rann, roinne; clann, cloinne. damh, daimh; ràmh, ràimh; làmh, làimh. call, caill. [TD 21] faic, reic; clais, beir, cuir, muir, tòir, réis, muin, cuin, léir, sgeig, cùig, téid, sgoil, teich, leig, deich, sguir, tuig, ruig, tuit, séid, duit, sùil, sgeir, smèid, greis, spàin, toil, réir, dùil, Ceit, toit, poit, fuil, fois, còir, mòid, creid, roid, leisg, rùisg, réidh, faigh. goid; chaidh. duibh, duinn, druim, suidh, cuip, ruith, troidh, roimh, snaim. 61. Beir air a’ chat dhubh. Is cat math e. Tha da chat aig Móir. Is cait mhath iad. Tha cat math agam-sa. Am bheil? Cha ’n eil cù agad-sa. Tha cù donn agam. Tha cas dhubh air. Na creid na tha e ag ràdh. 62. An reic thu do chù? Cha reic. Bha an dà chù air an tom an dè. Bha iad aig cul an tuim. Bha iad a’ cluich mu ’n tùr. Tha cùig coin aig Rob. Am faca tu an cù donn ùr a tha aig Pàl? Cha ’n fhaca mi cù Phàil. Am bheil cat aig Rob? Tha, trì cait ghlasa. Am bheil dà chat cho math ri aon chù. Cha ’n eil. [TD 22] 63. Co leis na coin sin? Is le Calum iad. A mach ort, a choin! No tog do chas do ’n chù. Gabh air a’ chù dhubh leis a’ chuip. Cum air do laimh. Sguir a nis. Na bean dha. 64. Am bheil am brot bruich? An e sin am brot a th’anns a’ phoit? Is e sin càl. Cha tig as a’ phoit ach an toit a tha innte. 65. Cuir an sac so air do dhruim. Am bheil e trom? Tha e glé throm. Tha e làn sìl. Crom thu féin. Thoirt ort gus an dùn leis agus fàg aig na fir e. 66. Thoir sùil air a’ mhuir. Am faic thu na fir? Chì; tha iad mu ’n sgeir. An léir dhuit am port? Is léir. Am bheil am bàta mór an sin? Tha. Cuin a thig na fir gu port? Ruith agus smèid air na fir. 67. Tha ròn air an sgeir. A mach na raimh agus théid sinn gus an sgeir, Cha ’n e ròn a th’ ann idir. ’S e clach mhór dhubh a th’ ann. Ma ta, bha i cho donn ri ròn. Glac na raimh a rìs agus théid sinn gu tìr. An tig ròin gu tric gus an sgeir dhuibh? Thig, glé thric. 68. Bha mi greis a mach leis na h-eich an dè aig cùl a’ chnuic. Thuit mi anns a’ chlais. Tha an roid a’ fàs mór an sud. Sin crudha eich air an làr. Na fàg an sin i. Thoir do Phàl i. [TD 23] 69. Na séid am brot. Tha e teth. Ma tha, na séid e. An cluinn thu mi? Na séid do bhrot. Cha mhodh sin. Cuir do spàin as do làimh agus feith tacan. An do loisg thu thu féin? 70. Bi aig fois. An robh thu a’ ruith réise? Cha robh. Am faca tu Ceit? Tha i anns an sgoil. Tha Ceit leisg. Na goid cuid Ceit. Cuir cùl ris an olc. Am bheil thu réidh a nis? Ma tha, ruith a mach agus dean cluich. [Dealbh] CLUICH. 71. Na bi ri sgeig air Sìne. Tha Sìne gun sgoil, ach tha i glé ghlic; agus cha ’n eil i dona air na h-òrain. Tog do ghuth, a Shìne, gus an cluinn sinn thu. “Air fal al al ó, thug ó air fal al al é.” Cha ’n eil brìgh air bith anns an rann sin. O, cha ’n eil: ’S e sin an t-séis. Seinn rann de ’n [TD 24] òran e féin duinn a nis. Tha sé roinn anns an òran sin. Cha ’n e sin òran fada. An seinn thu ruinn a rìs, a Shìne? An seinn thusa, Anna? Tha Anna a’ dol a sheinn “Fear a’ bhàta.” Tha fonn binn air an òran sin. “Fhir a’ bhata, na hóro éile, Guma slàn duit gach àit’ an téid thu.” Am bi na fir gu tric a’ seinn a mach air a’ mhuir? Thatar ag ràdh gu ’m bi. An d’rinn Calum cam dàn air bith? Rinn e dà no trì dàin fhada. Cha dean thusa toll nach cuir esan cnag ann. meur, feur, eun, neul, meud, feuch, deur, breug, dean, beul; sgeul, geur, beus, gleus, treun, ceud, reul, leum, beum, Seumas. fead, beag, creag, nead, teas, preas, meas, cead, neas, eas, eag, greas, sgread, treas, leas; beagan, feadan. leag, sean, gean, lean, fear, ear, bean, geal, each, neach, seach, leac, breac, gleac, dreach, speach. [TD 25] beann, ceann, gleann, meann, deann, meall, seall, steall, seann, geall, fèarr, cèarr, gèarr. sìol, dìon, fìor, sìor, lìon, strìoc, pìob, sìos, fìon, dìot, sgrìob, diog, fios, biodag. [Dealbh] EUN. 72. Ghlac an cat eun air an tom. Bha ’n t-eun anns a’ phreas aig an àm. Leum an cat air. Nach e an cat a bha borb. Sud e air an fheur agus an t-eun ’na bheul. Tha spògan a’ chait geur. Tha iad sin: glé gheur. 73. Cia meud eun a tha ’n sud anns an speur? Tha mi a’ meas gu ’m bheil ceud. Am bheil fhios agad cia meud reul a th’ anns an speur? Cha ’n eil fhios aig neach air bith air sin. [TD 26] 74. Am bheil na fìor gu ’m bheil na fìr òga ag òl fìona? Tha iad shìos an sud ag òl agus fear a’ cluich na pìoba. Is droch nì an t-òl. Tha sin glé fhìor. Tha cuid a’ sìor òl. 75. An do sgrìobh thu litir chun do mhic? Sgrìobh mi an dé. Am faigh thu fios air ais an ceann mìosa? Cha ’n eil fhios agam: tha mi an dùil gu ’m faigh. Ma bheir e sgrìob do ’n tìr so, leig fhios domh, no cuir ’nam chòir-sa e. 76. Tha each geal air an dùn. Tha e a’ dol an ear gus an tùr. Stad e aig a’ phreas a tha dlùth ris an lic ghil. An le Seumas an t-each geal? Cha leis. Is leam-sa e. [Dealbh] SPEACH. 77. Feuch! tha speach air an lic. Glac i. ’S mi nach glac! Cha loisg sean chat e féin. Tha beach-lann aig Seumas. Am faca tu shìos aig cùl a’ bhalla e? An e sin beach a tha dol seachad oirnn? Cluinn a shrann. 78. Is mór an teas a th’ ann. Tha mi a’ meas nach seas an teas so. An téid thu leam do ’n eas? Théid. Am bheil thu deas? Cha’n eil. Greas ort, ma ta. [TD 27] 79. Seall! Tha neach beag aig an eas eadar an dà chreig. ’S e bean a th’ ann. Tha thu cèarr: ’S e fear a th’ ann. Dean fead. Cha’n eil feadan agam. Dean fead le do bheul. Cha ’n e sin fead; ’s sin sgread. Cuir do mheur ’nad bheul mar so. Feuch a nis e. Sin thu. [Dealbh] EAS. 80. Tha an t-eas a’ sìor-ruith a sìos do ’n ghleann. Tha steall mhor eadar an dà mheall ud. Seall! Tha e cho geal ris a’ ghruth. Tha an t-allt a’ fàs am measg nam meall agus a’ dol ’na dheann do ’n mhuir. Sud e aig [TD 28] Creag-nam-meann: tha e gle bheag. So e aig Beul-an-àth: nach e a tha mór! ’S ann as a’ bheagan a thig am móran. [Dealbh] ALLT. 81. Feuch mar a leag an t-each breac an leac. Cha ’n e an t-each breac a rinn e: is tearc a thig e an so. Mhill an leac am preas. Thuit i air. Seall, tha ròs geal air a’ phreas. Nach e a tha grinn agus mìn! Gèarr dhòmh-sa e. Feuch nach gèarr thu do mheur. An do ghèarr thu do làmh? Cha do ghèarr: chaidh stob innte. 82. Is fèarr rud beag math na rud mór dona. Tha sin fìor; ach tha e a cheart cho fìor gur fèarr rud mór math na rud beag dona. Am bheil sin cèarr? Cha ’n eil: tha an ràdh sin fìor air gach dòigh ’san gabhar e. Feuch mar so e:—Is fèarr rud mór dona na rud beag math. Cha ’n fhèarr: is breug sin. [TD 29] 83. An robh thu ’sa bheinn? Bha, agus tha mi sgìth. Bha thu tràth air do chois. Am feum thu dol a mach a rìs? Cha ’n fheum. Is math sin. Thig a stigh agus faigh greim bìdh. uan, fuar, ruadh, buan, nuall, duan, uam, nuas, suas, cluas, cuan, luath, truagh, tuath, bruach, tuagh. uain, fuaire, ruaidh, buain, duain, cluaise, cuain, bruaich, gruaim, duais, fuaim, cruaidh, uair, gluais, cuairt, uaibh, uait, uaidh, buaic, uaigh. riamh, bian, sgian, biadh, dian, iarr, iasg, liath, srian, ciall, fiadh, iar, miann, miadh, Niall, iall. beò, ceò, deò, leò, seòl, ceòl, leòn, meòg; deoch. meòir, eòin, neòil, feòil, deòir, beòir, leòir, beòil. fiù, diù, riù, iùl, cliù, tiugh, diugh, fliuch, riut. [TD 30] siùil, stiùir, ciùil, ciùin. aol, caomh, gaol, fraoch, laogh, taod, faod, caol, saor, daor, craobh, raon, gaoth, maor, taobh, maol. aoir, gaoil, fraoich, laoigh, taoid, aois, caoile, gaoith, craois, maoir, maoin, daoine. aon, aoin. caoimh, naoimh, craoibhe, taoibh, naoi, raoir. [Dealbh] CAORA IS UAN. 84. Am faic thu an t-uan beag? Chì: sud e shuas eadar an dà chreig. Rach a suas agus beir air. Thoir leat an cù ruadh. Cha ’n eil an [TD 31] cù ruadh luath. Is truagh nach robh Bran, cù Fhinn, agad. 85. Tha Seumas a mach a’ buain feòir. Ruith a mach agus thoir dha deoch. An gabh e beòir? Cha ghabh: b’ fhearr leis meòg. An ith thu feòil? Am bheil gu leòir agad? 86. Tha cuach nuadh aig Sìne. Is mór a luach. Tha deoch uam. Ruith agus faigh a’ chuach. An gabh thu meòg no fuarag? Cha ghabh mi a h-aon diu: gheibh mi deoch as an fhuaran. [Dealbh] MUIR. 87. Faigh dhomh an tàl gus an snaidh mi a’ gheug so. Thoir a nall an sàbh sin gus an gèarr mi an ceann so dhìth. Tog a nis an t-òrd agus buail a’ chnag so leis. Buail gu math i; ach feuch nach bris thu i. Am faca tu mo locar? Cha ’n fhaca. So e air an ùrlar, far an d’ fhàg mi fhéin e, 88. Tha gruaim air an speur. Tha na neòil dubh. Tha an cuan garg. Tha frasan mu [TD 32] [Dealbh] FIADH. thuath. Tha na tuinn mhóra ri fuaim. Cha téid mi air a’ chuan an diugh. Cha ghluais mi gu Di-luain. An e do rùn dol air chuairt? ’S è. Am bheil thu a’ dol fada bhuainn? Tha mi a’ dol do ’n taobh tuath, àite glé fhuar. 89. Tha ’n raon ruadh far an robh na fir ag àr an dé. C’ aite ’m bheil iad an diugh? Tha iad shìos aig taobh na mara. Seall! Tha sgaoth mór eun air an dearg ’s air a’ bhàn. Sgap an cù iad. Tha iad a nis air falbh. Faic mar a sgaoil iad air gach taobh! 90. An robh thu riamh air Beinn Cruachan? Bha, uair no dhà. Am bheil i àrd? Tha i mu thri mìle troidh agus sè ceud air àirde. Am bheil am fraoch a fàs oirre? Tha, beagan. Am faca tu fiadh oirre? Cha ’n fhaca. Bha àm ann anns nach robh i gun fhiadh. 91. Tha sluagh anns an àirde tuath a tha a’ cur miagh mhóir air an fhiadh. Tha iad a’ cur sréin ris mar a ni sinne ris an each. Nach iarr am fiadh ruith air falbh uapa? O, ni e sin còrr uair. [TD 33] 92. An e sin luaidh? ’S è. C’ àit’ an d’ fhuair thu i? Tha i trom. Am bheil i cho trom ri òr? Cha ’n eil. Am bheil staoin cho trom ri luaidh. Cha ’n eil; ach tha i cruaidh: tha luaidh bog. Am bheil feòdar cho cruaidh ri staoin? Cha ’n eil. Tha copar trom. Tha e ruadh ’na dhath. ’S e copar a th’ anns a’ bhonn-a-sè so. 93. So duine truagh aig an dorus. Tha fhalt liath. Tha ciabh fhada air gach taobh de a cheann. Tha a ghruag tana ’s a ghruaidh bàn. Gabh truas dheth. Am miann leis biadh? Is miann. Thoir dhà a’ mhias sin. Gar do chasan ’s do làmhan: tha iad fuar. 94. Tha ceò air a’ bheinn. Cha ’n eil beò a mach. Eisd ris a’ cheòl ud. ’S e nuall pìoba a th’ ann. An saoil thu gur e Deòrsa a tha a’ cluich na pìoba? Cha ’n e neach ’sam bith eile. Ma ta, cha’n eil e teòm air a cluich. Tha a mheòir an déigh an sgait. Cha ’n eòl dhòmhsa; ach tha na’s leòir agam deth sin. Chuir e ’n ruaig air na h-eòin féin. Cluinn a nis e. Tha e a’ toirt suas an deò-eò-eò-eò. 95. Ged nach math Deòrsa air a’ phìob is duine fiù e. Is ciùin a bheus aig gach àm. Tha triùir mhac aige. Sud iad shìos anns a’ bhàta. Tha Niall air an stiùir. Tha Tómas [TD 34] [Dealbh] CLUICH NA PÌOBA. a’ cur an àird an t-siùil. An glaodh mi riù: bu mhath leam falbh leò? Coma leat falbh an diugh: tha a’ ghaoth an iar gu math cruaidh. 96. Faic an laogh. Am faod mi sreang a chur air? Cha ’n fhaod. Bi caomh ris an laogh: tha e caol. Tha e a mach air an raon. Is leis an t-saor e. Fhuair an saor o’n mhaor e. Bha e daor. An saoil thu gu ’n robh? Am bheil ach an t-aon laogh aige? O, tha naoi laoigh aige. Is tu a tha faoin. Tha naoi laoigh aig a ’mhaor. Cia meud a th’ aig an t-saor? Tha dà laogh agus mart maol. Dé [TD 35] an aois a th’air an dà laogh? Tha iad mu thrì mìosan. Am bheil móran maoin aig an t-saor? Thatar ag ràdh gu ’m bheil maoin gu leòir aig a mhnaoi. Ma ta, bha e a’ caoidh an raoir nach robh maoin aca idir. [Dealbh] TARBH. tarbh, garbh, marbh, falbh, dearbh, dealbh, sealbh, colbh, gairbh, tairbh, mairbh, seirbh, seilbh, cairbh, gairm, stoirm, seirm, ailm, ainm. 97. Dé ’n stuth a th’ agad an sin? Fìon geur. Blais e. Tha e searbh. Gu dearbh, tha. Cuir air falbh e. Am bheil e saor no daor? Cha ’n eil e aon chuid saor no daor. An d’ fhuair thu as a’ bhùth e? Fhuair. An toir thu dhòmhsa deur beag am botul? Tha e [TD 36] math air son cinn ghoirt. Ma ta, cha chuala mi sin riamh. Is fìor co-dhiù e. 98. Có a dhealbh ceann do bhata? Dhealbh Seumas. Is math a shnaidh e gnos coin air. An saoil thu gu ’n dealbh e aodann duine air ceann mo bhata-sa? Cha ’n fhios domh co-dhiù a tha sin ’na chomas no nach eil. Bha e leis an fir an raoir nuair a mharbh iad an tarbh borb. 99. Nach garg an duine a th’ an Niall! Cha ’n fhaca mi riamh duine cho borb ris nuair a tha fearg air. Is fuath leam daoine borba. Bha Niall anns an arm dhearg an uair a bha e òg. Tha neart mór aige. Sud e air a’ chàrn agus còta mór gorm air. Tha colg air, tha mi a’ meas. Dé a tha a’ cur air: tha e a’ gairm air a mhac? 100. Tha cairbh muilt fagus do ’n chreig mhóir ud. An e an colbh creige a tha dlùth ri bruaich an uillt? ’S è. Rach thusa suas air a shon. Am faca tu mo chù? An i Guanag a tha a dhìth ort? Cha ’n i, ach Luath. Gairm air: cha ’n eil e fada air falbh. 101. Ciod e so aig beul an uillt? Ailm. Co leis i? Tha mi am beachd gur le Dùghall i. Bha ailm aige an raoir. Bhris an stoirm am bàta agus dh’ fhàg i an ailm an so. [TD 37] measg, reasg, feasd, seasg, plosg, dùisg, rùisg, cuist, béist, celsd, leisg, puist, éisd, mlsg, uisge, ciste. uchd, bochd, nochd, lochd, ochd, feachd, seachd, beachd, smachd, tlachd, sneachd, teachd, driùchd, dreuchd, sliochd, reachd, fuachd, uachdar. strìth, streap, sgread, sgròb. 102. Dùisg an cù, agus théid sinn do ’n bheinn. Tha caora agus uan fagus agus do ’n eas am measg nam preas. Tha an cù leisg. Tromhad, a choin. Cha ruig sinn an t-eas am feasd. Nach bi thu ’nad thosd! Cuist, a bhéist! Tha e mar chù air mhisg. 103. An saoil thu gur i sud a’ chaora sheasg a tha aig taobh thall an eas. Tha mi am beachd gur i a th’ ann. Nach i an luid i? Cha ’n fhiach a rùsg plaosg. 104. Tha an driùchd trom. Ciod è an uair a [TD 38] th’ann? Am bheil e mu ochd? Tha e leth uair an déigh seachd. Tha e moch. Tha uchd na beinne cas an so. Tha sinn a suas a nis. Is ann mu seach a thogar an dùn. [Dealbh] NEAD. 105. So a’ chaora bhochd. Tha i an sàs am preas. Leíg air sgaoil i. Gairm air ais an cù: tha e a’ ruagadh nan uan. Beir air an uan bheag ud agus tog thar an allt e. Nach e a tha mear a nis! Tha feur math aca air an taobh so de ’n allt. 106. An uair a bha thu aig an eas, am faca tu nead eòin anns a’ phreas? Cha ’n fhaca. Cia meud ubh a bh’ anns an nead? Bha trl. Tha mi ’n dùil nach do chreach thu e. Is droch nì creachadh nead. So mar a tha seann ràdh a’ dol: [TD 39] Bid, bid, bidean! Có chreach mo nidean? Ma s e duine mór e, cuiridh mi ’san lón e; Ma ’s e duine beag e, cuiridh mi le creig e; Ma ’s e leanabh gun chiall gun nàir e, Fàgaidh mi g’a mhàthair e. 107. Tha móran brìgh anns na sean-fhacail. Aithris fear no dhà. Ni mi sin le m’ làn dheòin. Aom do chluas, a mhic, agus éisd ri gliocas nan sean-fhacal. [Dealbh] IASG. 108. Is fèarr iasg beag na a bhi gun iasg idir. Cha robh duine riamh gun lochd. Am fear nach biadh a chù, cha stuig. Am fear nach cuir ri là fuar, cha bhuain ri là teth. Is fèarr bréid na toll. Is iomadh rud a tha ’n cuan a’ falach. Cha tig am bàs gus an tig an t-àm. Cha tig a nuas an ni nach eil shuas. Cha sgeith bó feur. Cha seas poca falamh. 108. Is dàna cù air a dhùnan féin. Is e an gille an t-aodach; ach ’s e an laochan am biadh. Is e an cadal fada a ni an t-iomram teth. Cha sgeul rùin e is fios aig triùir air. Na abair diug ris an eun gus an tig e as an uigh. Na abair ach [TD 40] beag, agus abair gu math e. Na cuir do spàin an càl nach buin duit. Théid neart thar ceart. 109. Leum an gàradh far an ìsle e. Thig iomadh olc á aon olc. Thig ri là nach tig ri linn. Is gorm na cnuic a tha fada bhuainn. Togar càrn mór de chlachan beaga. Trod nam ban mu ’n sgarbh, agus an sgarbh a mach air an loch. 110. Is neònach an ràdh sin: ciod is ciall da? Tha e air a ràdh riù-san a tha a’ cur a mach air a chéile mu ni nach buin daibh féin, no a bhuin daibh agus a chaill iad am feadh a bha iad a’ trod. 111. Beir air an each agus rach air a mhuin ma ’s miann leat dol leis do ’n allt. Cuir srian ris. Na toir a mach an loth idir: tha i crùbach. Muir eil srian agad, cuir taod ris. 112. Tha an dìle ann. Na biodh geilt ort roimh braon uisge: cha leagh thu. An cuala tu riamh mu ’n duine a chaidh a steach an loch gu ruig a bheul a sheachnadh froise? Nach è a bha gòrach! Bha e fliuch gu leòir ged nach do thuit braonag air. Cha ’n eil e fìor gu ’n d’ rinn neach air bith sin. Ma ta, ma ’s breug uam e is breug chugam e. Is fada bho ’n uair sin o’ n a bha cluas air an ròn. Lean gu dlùth ri cliù do shinnsir. An là a chì ’s nach faic.