[TD 1] GEARR-CHUNNTASAN AIR NEW ZEALAND. AIR SON FEUMA LUCHD-IMRICH. LEIS AN URRAMACH P. BARCLAY, M.A., A BHA ROIMH SO ’N A MHINISTEAR ’AN NEW ZEALAND. IAR EADAR-THEANGACHADH GU GAELIC. DUNÉIDEANN: AIG 64 DROCHAID A DEAS, MAC-LACHLAINN AGUS STIÙBHARD. MDCCCLXXII. [TD 2] [Bàn] [TD 3] GEARR-IOMRAIDHEAN AIR NEW ZEALAND. I. ’FHAOTAINN A MACH AGUS ’AITEACHAS. FHUARADH a mach New Zealand ’s a’ bhliadhna 1642, le Tasman, seòladair Duitseach. Faodair a ràdh gu robh e air ath-fhaotainn a mach ’s a’ bhliadhna 1769, le Caiptein Cook ainmeil, a sheòl troimh na caolasan a tha fathast air an ainmeachadh air, agus a leag ’acair aig iomadh rudha dheth ’n oirthir. Mar bu ghnàth leis, dh’ fheuch e aig an àm sin, ’s air a chuairtean ’an déigh sin, ri buannachd muinntir na dùthcha ’chur air aghart, le bhi fàgail sìl ’us luibhean, mucan ’us feudail aca. Bha so feumail ann an tìr anns nach robh beathach allaidh dùthchasach ni bu mhò na radan, agus far an robh, ged bha fàs luibhean anabarrach, gainn’ air pòr ’s air lusan a bhiodh freagarrach air son lòin. Ré leth-cheud bliadhn’ ’an déigh sin, thòisich malairt ’us comh-chomunn air-cinntinn eadar New South Wales, a bha gu ìre mhath air ’àiteachadh, agus New Zealand. Thàinig a’ cheud searmonaichean o New South Wales ’s a’ bhliadhna 1814, agus goirid ’an déigh sin tuilleadh á Sasuinn, a thòisich air aidmheil a chreidimh Chriosduidh ’theagasg do mhuinntir na dùthcha. M’ a chuairt do ’n àm cheudna, agus ré fhichead no dheich bliadhna fichead ’an déigh sin, shuidhicheadh iomadh Comunn beag ’an so ’s ’an sud air cladaichean na tìre. Bha iad sin air an deanamh suas gu h-àraidh deth sheòladairean, luchd marbhaidh mhucan-mara, ’s fir thional toraidh, a fhuair uile obair air chor-eiginn leis an robh iad air am beathachadh. Leig mòran long, gu h-àraidh luingeas air tòir mhucan-mara, air tàthachadh nam bàgh ’s nan acairseid air son chrann, spàrr, lòin, &c. Mar so thàinig an dùthaich a chuid ’s a chuid gu bhi n’ a b’ fheàrr air a comharrachadh ann a’ Sasuinn, far an robh a nis mòr iomradh air a calachan grinn, a coilltichean òirdhearc, a talamh torach, ’s a h-àileadh (1) slàinteachail. Uaithe so dh’ éirich (1) Roinn-uarach.—Climate. [TD 4] togradh a suas gus an tìr ’àiteachadh gu riaghailteach. Mar so chuireadh ’an òrdugh ’s a bhliadhna 1838 cuideachd chumhachdach a dhaoin’ aithnichte ’rinn suas Comunn New Zealandach. Ann an ùine ghoirid an déigh so, rinn an Uachdaranachd Bhreatuinneach ùr-threabhachas dhoibh féin dheth, ’s chuir iad a mach Caiptein Hobson, R.N., mar an ceud Riaghladair, ’us stéidhich e ’s a’ bhliadhna 1840, am bail’ Auckland, a bha gu bhi ’n déigh sin ’n a phriomh-bhail’ air an abhainn Waitemata. Lean e mar so àireamh bhliadhnachan, gus am facas iomchuidh àite-còmhnuidh na Flaitheachd atharrachadh gu Wellington, àite bu ghoireasaich air taobh tuath Chaolasan Chook. Eadar na bliadhnachan 1839 agus 1843, air do ’n Chomunn New Zealandach iomadh earrann fhearainn a cheannach air dà thaobh Chaolasan Chook, thug iad a mach buidhnean a luchd-imrich. Thòisich iad so air socrachadh ann a Wellington agus Nelson, Wanganui agus Taranaki, àiteachan a shoirbhich uile ach Taranaki, a bha air a chumail air ais leis a’ chogadh a dhùisg priomh-mhuinntir na dùthcha. ’An déigh aimsir deth mhòr thrioblaidean (1841-45) a bha gu h-àraidh air an toirt m’ an cuairt le mi-chòrdadh, a dh-éirich suas eadar an Comunn New Zealandach agus Seòmar-gnothuich an luchd-imrich ’an Sasuinn, ni air an robh am priomh-luchd-aitichidh (natives) làn fhiosrach, no ’theagaisgeadh dhoibh chum cothrom a ghabhail air, dh’ ath-bheothaicheadh malairt ’us tuathanas. Ach bha fathast cho beag fiosraichidh mu dhéighinn New Zealand ann an Sasuinn, agus mhothaich a’ mhuinntir a chuir suas ann a leithid a chall ré na h-aimhreit so, ’s nach robh luchd-imrich a ruigheachd ach gle mhall. Bha aire mhòran a nis air a tarruing a dh-ionnsuidh an Eilean a Deas, far, anns a’ bhliadhna 1846, an do shuidhicheadh tuineachas Albannach ann an Otago, agus ann an 1850 tuineachas Shasunnach ann an Canterbury. Chaidh a’ cheud àite dhiu sin air aghart gu socrach ré bhliadhnachan, an dràsd ’s a rithist a’ faotainn leasachaidh sluaigh á Alba; ach cha robh a shoirbheachadh cho fior bhras gus a’ bhliadhna 1860, ’n uair a fhuaradh òr ann am mòr phailteas. Dh’ éirich àireamh an t-sluaigh a nis suas o 10,000 gu fagasg air 65,000, ’s ged dh’ fhalbh uibhir dhiubh gu raointean òir eile, tha fathast ann, a’ gabhail a steach maraon Mor-roinn Southland, mu chuairt ’us 62,000. Bha Mòr-roinn Chanterbury air a shuidheachadh anns a’ cheud dol a mach, le sluagh rud-eigin ni bu bheartaich á Sasuinn; agus air dha bhi ’n a laidhe faisg air Otago, phàirtich e leis an àite sin a’ bhuannachd a bha ’g éiridh suas o bhi reic bathair ri luchd-cladhaich an òir. Ach an taobh a staigh a bheagan bhliadhnachan fhuaradh òr ann am mor phailt eas ann féin, air an oirthir an iar dheth. Thionail mòr shluagh ’an so ann an [TD 5] ùine gle ghoirid, agus air do ’n earrann sin deth ’n Mhòr-roinn a bhi air a dealachadh o na réidhleanan an ear, le cùrsa deth bheanntaichean garbha, bha e air a chur air leth agus air a thogail gu bhi ’n a shiorramachd, no ’na dhùthaich Westland. Mu ’n àm so bha iomadh àiteachas ’g a chur suas ’an so ’s ’an sud air an oirthir araon anns na h-Eileinibh a Tuath agus a Deas. ’S e àite bu thoirteile dhiubh sin Napier ann a Hawke’s Bay, mu chuairt do 400 mìle ’n ear-dheas o Auckland. Bha so maille ris an tìr timchioll dha air a dhealachadh ’s a’ bhliadhna 1858 o Mhòr-roinn Wellington, ’s air àrdachadh ’s air a thogail gu bhi ’n a shiorramachd no ’n a thìr Hawke’s Bay. Ré ùine bha e aithnichte gu robh òr ’am pailteas ann an Gleann Thames, ’s ann am fearann Choromandel, ann am Mòr-roinn Auckland, ach an so bha e gu h-àraidh air fhaotainn ann an cloich chruaidh éiteig, ni ’dh’ fhàg a chosnadh gle dheacair agus cosdail. Gidheadh, chaidh Comunnan ’an comh-bhoinn, agus b’ i ’chrioch gu-n d’ fhuaradh mòran òir. Lionmhoraich an sluagh air ball air feadh an fhearainn, agus stéidhicheadh moran fhrith-bhailtean le ’m fearann comh-roinn, air am beil Southland ’n a cheann. II. A MHEUDACHD AGUS A SHUIDHEACHADH, ETC. THA New Zealand a sgaoileadh a mach o 34° gu 48° air an taobh deas dheth cearcall meadhoin na talmhainn, anns a’ Chuan Shiothchail a deas, agus o 166° gu 179° an ear air Lunnuinn; mar so tha ’shuidheachadh air aghaidh na cruinne faisg air a bhi mu choinneamh Bhreatuinn air an taobh eile. Tha e air a dheanamh suas a dhà eilean mhòr’, an t-eilean a Tuath ’s an t-eilean a Deas, maille ri eilean an Stiùbhardaich. A thuilleadh orra sin, tha eileinean beag’ eile ’n an laidhe dheth an oirthir, ’s theirear ris a chuid a ’s sònraichte dhiubh Grunnan eilein Chatham. ’S e fad New Zealand o ’n ear-thuath gu ’n iar-dheas 1,100 mìle, ’s tha ’leud eug-samhuil, o aon mhìl’ aig Auckland, gu ruig pailt 200 mìle bho Bhàgh na Gainne (Poverty Bay) gu Plymouth Nuadh. Tha timchioll na h-oirthir ’tha air eagachadh le iomadh bàgh agus cuid a dh-acairseidean teàruinte, mu chuairt ’us 3,500 mìle. ’S e meudachd na h-uile faisg air 105,000 mìle ceithir-chearnach; agus mar so cha-n ’eil an t-iomlan a bheag ni ’s lugha na Alba, Sasuinn agus Eirinn. ’S e ’n t-astar a th’ eadar e agus tìr mòr Australia bho 1,200 [TD 6] gu 1,500 mìle, agus tha e gu h-iomlan eadar-dhealaichte bho ’n tìr sin ann a’ riaghladh ’s an reachdan. Tha e ’n a ùr-threabhachas air leth ’an comh-chrochadh ri Impireachd Bhreatuinn, ’s a’ Riaghladair, a tha air a shonrachadh leis a’ Bhan-righ, air a chuideachadh le Comhairle chumhachdaich, Comhairle Lagh-thabhairteach, a dhà fhichead fear air an taghadh leis an Riaghladair; agus le Buidhean deth luchd-ionaid, trì fichead fear ’s a cuig deug air an taghadh leis an t-sluagh an ceann gach cuig bliadhna. Tha ’n tìr, os barr, air a roinn ’na h-ochd Mòr-roinnean, agus gnothuichean gach aon diubh air an stiùradh le Riaghlair agus Comhairle Mòr-roinneach. ’S e ’n àireamh dhaoine geala th’ ann an New Zealand 260,000, ’s tha ’n uibhir sin ann an Dunéideann ’s a’ Lìte. III. PRIOMH-MHUINNTIR NA DÙTHCHA. THáINIG na New Zealandaich, no na Maories, mar their iad féin ’us muinntir eile, a réir an seanachais féin, à Hawaiki, o chionn timchioll air cuig ceud bliadhna. Mheudaich an àireamh gu bras anns an tìr mhòir agus thoraich a dh-ionnsuidh an tàinig iad, ged nach do ghabh iad ach cothrom gle bheag dheth a tharbhachd gus an taobh a staigh dheth na trì fichead bliadhna ’s a deich mu dheireadh. A’ toirt breith a réir an sgeulachdan féin, agus na comharraidhnean a tha ri ’m faicinn dheth am bailtean, cha b’ urrainn an àireamh shluaigh bhi ni bu lugha na 150,000. Ach gu tubaisteach thug iad cuide riu féin an droch cleachduinnean, agus am miann air cogadh, agus thòisich an aireamh mar so air dol gu grad ’an lughaid: agus tha iad fathast a sior lughdachadh, gu h-àraidh a chionn iad a bhi leantuinn ri ’n seann ghnàthachadh, agus ann an cuid le iad a bhi air an cumail aineolach agus air an iom-ruagadh ’n leth-cheud bliadhna ’chaidh seachad. Cha-n urrainn a nis a bhi ann diubh os cionn 38,000, dheth ’m beil mu 2,300 ’n am buidhnibh air feadh an Eilean a Deas, agus mar sin a chuid a ’s ro mhò dhiubh air an sgapadh thar an Eilean a Tuath. Bha Teachdairean Criosdail air an cur ’n am measg o chionn iomadh bhadhna. Cha do shoirbhich iad sin ach glemheadhonach ’s na beachdan a b’ àirde ’bh’ aca. Ach ged tha e gle dhuìlich atharrachadh a dheanamh air cleachduinnean ’s air deas-ghnàthan sluaigh, gidheadh bha na teachdairean sin ’n am meadhon, maille ri cumhachdan eile, air cuir a mhàn ghnàths pàganach, agus, gu ìre mhòir, air leasachadh an staid. [TD 7] Gu mi-fhortanach, dh’ éirich connsachadh ’s a’ bhliadhna 1859, eadar iad féin agus a’ Fhlaitheachd, mu fhearann ann am Mòr-roinn Tharanaki, ’s o ’n nach deach an deasbud sin a shocrachadh gu càirdeil, thòisich cogadh, a sgaoil a chuid ’s a chuid air feadh earrainn mhòir dheth ’n Eilean a Tuath. Beagan bhliadhnachan roimhe so chaidh righ dùthchasach a chur suas ann an tìr Waikato, agus ged nach do ghabh an righ agus a chuideachd pàirt fhollaiseach sam bith anns a’ chogadh, gidheadh dh’ aom so chum cùisean amladh. Aig an àm so dh’ éirich suas fàidhe meallt’ a chuir ri chéile measgachadh neònach a dhall-bheachdan Pàganach agus Iùdhach, ’s aig an robh mar leithsgeul a bhi fo theagasg neamhuidh, agus mar sin a shoirbhich ann a faotuinn mòrain a luchd leanmhuinn, cha-n ann a mhàin as na treubhan iomallach, ach mar an ceudna as an aitim sin dhiubh a bha ré ùine ’cumail co-chomuinn ’us malairt ris na sealbhadairean a chaidh á rioghachdan eile ’n am measg. Aig an àm so rinn a h-uile treubh a bha air feadh nan eilean an creidimh Criosduidh aideachadh gu follaiseach, ged thuit cuid dhiubh air an ais gu pàganachd an déigh sin. Rinn an dream so, le ’n deas-ghnathan oillteil ’s le ’n buirbe sgreataidh, a bha air an stiùireadh, cha-n ann a mhàin ’an aghaidh nan sealbhadair, ach mar an ceudna ’an aghaidh na codach sin dheth an luchd dùthcha fein a lean ri na laghan Breatuinneach, cùisean amladh ni bu mhò ’s ni bu mhò. Ged bha iomadh lasachadh an dràsd ’s a rithist ’s a’ chonnspoid, anns na thachair cuid a chùisean gle mhuladach, gidheadh mhair i mu ’n cuairt a dheich bliadhna. Ach tha ’n cogadh a nis air teachd gu ceann, ged tha na maoir armaichte fathast air tòir Te Kooti, agus fear no dithis a chinn-fheadhn’ an luchd ceannairc. Tha ’mhuinntir sin do ’n aithne New Zealand ag radh nach ’eil coslas sam bith gu-n ath-nuadhaich priomh-mhuinntir na dùthcha buaireas ’an déigh so, oir dh’ fhuiling iad uiread ’s gum beil mòran dheth na treubhan a bha naimhdeil iar géilleadh, agus tha ’m beagan dhiubh nach do striochd a’ tighinn gu thuigsinn cho eu-dòchasach ’s tha dhoibh a bhi leantuinn na còmhstri. Tha iad fathast a’ sealbhachadh mòrain talmhainn, mòran ni ’s mò na ’s urrainn iad gu bràth a chuir gu buil. Tha cuid dheth an talamh so air mhàl aig a’ mhuinntir a chaidh ’n am measg, ’s a tha ’toirt dhoibh tuarasdail mhòr’ air son deanamh rathadan, lomradh chaorach, &c. Ann am freagairt chunntasan a bha o àm gu àm air an craobh-sgaoileadh anns an dùthaich so, faodair a radh gu h-aithghearra, nach do shàruich an dream a chaidh ’n am measg priomh-mhuinntir na dùthcha riamh. ’An ceart aghaidh sin, ’s e ’s coltaich mur biodh an Riaghladh Breatuinneach air a chur air chois ann, gum biodh an ginealach gu h-iomlan air a sgrios [TD 8] roimhe so, le ’n cogaidhean sior-mhaireannach, ’s le ’n gnàthsan brùideil féin,—gu h-àraidh ann a bhi cur gu bàis an naoidheanan nighean, ni bha aig aon àm gle chumanta ’n am measg. Ach tha ’n cleachdaidhean a nis air atharrachadh gle mhòr. Anns na ceàrnan ’tha fagus air àiteachas nan Roinn-Eòrpach, tha ’n teachd air aghaidh ann a’ riaghailt ’s ’an deagh-bheusan air fhaicinn gu soilleir anns gum beil am fàrdaichean ni ’s òrdaile, ’m feadh a ta ’chuid a ’s oidheirpiche dhiubh ’tarruing teachd a staigh gle thaitneach o ghabhailean-chaorach, ’s obraichean gniomhach eile. IV. TUAIRISGEUL COITCHIONN. TÒISICHIDH sinn le cuid a bheachdan air an àileadh (climate). Tha barailean gle eadar-dhealaicht’ air an tabhairt air àileadh New Zealand, ach tha cumadh agus suidheachadh nan Eilean a’ cur soluis air na beachdan eug-samhuil sin. A chionn gum beil iad cho fior fhada, ’s nach ’eil an leud gle mhòr, ’s fheudar gum bi atharrachadh ’s an àileadh, direach mar tha eadar taobh tuath Albainn agus taobh deas Shasuinn. Mar so, am feadh a ta ’n t-Eilean a Tuath freagarrach air son fàis òr-ùbhlan (oranges), agus mheas eile a bhuineas do rioghachdan tethe, tha ’n t-Eilean a Deas ’n a àileadh gle choltach ri Sasuinn. Bi ’dh e iomchuidh ’thoirt fo air’ an leughadair, o ’n tha New Zealand ’n a luidhe air taobh deas Crios-meadhoin an t-saoghail, gum beil a’ Ghrian a’ siubhal ’n a cuairt air an taobh a tuath dheth; uime sin their an sluagh a th’ ann, an àirde tuath bhlàth, ghrianach, agus cha-n e ’n àirde deas bhlàth, ghrianach. Cha-n ’eil an sneachd’, a tha gle ainmig ri ’fhaicinn ann an earrann sam bith dheth ’n Eilean a Tuath, ach a mhàin air na h-aonaichean a ’s àirde, gle neo-chumant’ ann an Otago, no gu dearbh air oirthir an Eilean a Deas uile, far am beil na beanntaichean ag éiridh gu àirde 12,000 no 13,000 troidh, mu chuairt ’us trì àirde Beinn-Neimhis. Ann a bhi ’labhairt gu coitchionn, faodair àileadh an Eilean a Deas a shamhlachadh ri mar tha sin ann an Sasuinn, am feadh a ta àileadh an Eilean a Tuath cosmhuil ri sin anns a’ Fhraing, ged tha e saor o ’n anabarra teas ’us fuachd do ’m beil an dùthaich sin buailteach. Oir air do New Zealand gun a bhi gle leathann ann an àite sam bith dheth, tha ’n t-àileadh air a leasachadh le na cuaintean timchioll air, ’s le na gaothan àrda nach ’eil idir ainmig ann. Aig bail’ Auckland, [TD 9] a tha, cosmhuil ri Corinth, air a shuidheachadh eadar da mhuir, tha ’n t-àileadh àitidh agus blàth: ach an taobh a staigh dheth ’n Mhor-roinn fharsuing a tha ’giùlain an ainme sin—Auckland—tha e ’g eadar-dhealachadh gle mhòr, agus gidheadh cha-n ’eil ach tearc a dh-àiteachan air an t-saoghal a tha ’sealbhachadh àileadh cho taitneach ri Bagh a Phailteis (Bay of Plenty) agus ri Turanga no Bàgh na Gainne (Poverty Bay). Ann am mor-roinn Hawke’s Bay, far am beil na neòil-uisge air an glacadh, ’s air an tràghadh, le beanntaichean cloich-aoil Ruahine air an taobh an iar, tha e tioram, teth ’s an t-samhradh, ach ’s ann ainmig tha e mi-thaitneach. Ann a’ Wellington, far am beil gaothan làidir gn tric a’ séideadh troimh Chaolasan Chook, tha ’n còrr a nàdur beothachaidh ’s an àileadh na th’ ann aon dheth na mor-roinnean sin. An taobh a staigh na mòr-roinne, ’s air an oirthir timchioll Wanganui, tha ni ’s mò dh’ àitidheachd na tha air an oirthir an ear, ach a mhàin ann an tomhas a tha ’g a dheanamh ’n a aon dheth na h-earrannan tuathanais a ’s fhearr ann an New Zealand. Faodair an tuairisgeul ceudn’ a cho-chur ri Taranaki, dheth ’n gairmear Lios New Zealand. Tha anns an earrann an iar-dheas deth ’n mhòr-roinn, agus ann a’ Westland, a’ gabhail a staigh raointean òir Hokotika, cus gaoith’ ’us uisge. Ann an Canterbury, air taobh an ear an Eilean a Deas, tha ’n t-àileadh mòran ni ’s fhearr, ged tha ’n t-anabarra teas ’us fuachd ni ’s ro dhéin’ ann na tha e anns na mòr-roinnean eile, do bhrìgh nan gaoth fhuar a tha ’séideadh a mhàn ’s a gheamhradh o na beanntaichean sneachdach, agus nan gaoth theth th’ air uairibh a’ séideadh ’s an t-samhradh, ’s aig am beil làn chothroim air sguabadh còmhnardan farsuing New Zealand. O shuidheachadh Dhunedin ’am measg nam beanntaichean a tha ’g a chuairteachadh, cha-n ’eil an t-àileadh ann cho taitneach; ach anns a’ chuid eile dheth mòr-roinn Otago, dheth ’m beil e ’n a àrd-bhaile, tha e mòran ni ’s fheàrr. Bu chòir a thoirt fanear ann an comh-dhùnadh na h-earrann so dheth ’n tuairisgeul, gum beil ceò, ach ann a Westland a mhàin, gle ainmig ri ’fhaicinn ann a’ roinn sam bith dheth New Zealand. Faodaidh so a bhi ’n a aon aobhar a measg iomadh cion-fàth eile, gum beil an tìr sin cho anabarrach fallain. ’An cumantas, tha àileadh New Zealand deth ghnè cho freagarrach ri càileachdan Bhreatuinneach, &c., air son ath-neartachaidh nan euslainteach, ’s cho ion-mhiannaichte do thuathanaich ’s do bhuachaillean, ’s gum faodair a ràdh gur i aon dheth na tìrean a ’s grinne air uachdar an t-saoghail. Tha ’n t-Ollamh Thomson, nach maireann, a bh’ ann a’ réisimeid Bhreatuinneach, ’s a bh’ air a shuidheachadh iomadh bliadhn’ ann an New Zealand, a daingneachadh so ann a’ leabhar a sgriobh e air an dùthaich sin, far am beil e ’dearbhadh na baralach sin, le bhi ’g innse ’n [TD 10] àireamh a bha tinn ’s a bhàsaich am measg nan saighdear; ’s cha-n ’eil comharradh eile ’s fhearr na sin gu breithneachadh fallaineachd tìre. Chaidh iomadh neach anfhann, agus fo thinneas caitheimh gu ruig New Zealand, gu sònruicht’ air son sin, ’s mur do ghabh an eucailean greim bàsmhor dhiubh, mar bu trice dh’ ath-bheothaicheadh iad gu neart ’us comas air son dhleasannasan na beatha. Cha-n ’eil mòran teagaimh nach tig New Zealand gu bhi ’n a àiteleighis ni ’s iomraidiche na earrann sam bith eile dheth Australasia, s gu-n togair aig Rotorua, le a leuman uisge, ’s le ’àitean-ionnlaid blàtha, baile dh’ ionnsuidh ’m bi, an taobh a staigh a bheagan bhliadhnachan, cruinneachadh mòrain sluaigh, mar a tha iad air an taobh so dheth ’n t-saoghal a dol gu Harrowgate, Drochaid Allanish, Aachen Kissengen, agus Srath-Feothair. Chaidh mòran oifigeach, ’s a dhaoin’ eile as na h-Innsean gu ruig New Zealand, ann an tomhas air son an slàinte, ’s ann an cuid a chionn gu faod iad a bhi beò ni ’s saoir’ ann na ann a Sasuinn, agus mar an ceudna do bhrìgh gum faigh iad an cuid airgid a chur gu buil ni ’s fhearr an. Theid sinn a nis air aghaidh le tuairisgeul coitchionn na dùthcha. A’ tòiseachadh leis a’ chuid a ’s fhaide tuath dheth New Zealand, tha ’n tairbeart a tha sìneadh a mach mu chuairt ’us dà cheud mìle tuath air bail’ Auckland, air a shamhlachadh ris a chuid eile dheth New Zealand, mar a choimeasar Devon ris a chuid eile dheth Sasuinn. Tha aghaidh na tìr’ eagsamhail, le sreathan a dh-aonaichean àrda, ’s le bàghan farsuing. Aig dol a staigh nam bàgh sin, tha cuid dhiubh gle chumhang, eadar creagan àrda, gruamach, ach air an taobh a staigh, tha iad a’ sgaoileadh gu leathunn, agus mòran dheth ’n cuid acairseid aig beul aibhnichean mòra. Tha ’n Kaipara a’ sgaoileadh a mach ’n a mòran mheur ’s a’ gabhail a staigh iomadh abhainn, ’s dhiubh sin tha ’Wairoa domhain gu leòr, fad leth-cheud mìle, air son luingeas mheadhonach mhòr’. Do bhrìgh gum beil a chuid mhòr dheth ’n dùthaich timchioll so air a còmhdachadh le coilltichean Kauri—fiodh luachmhor—tha mòran sluaigh ag obair, a’ gearradh, a’ deasachadh, ’s a’ reic an fhiodha, ré iomadh bliadhna. Tha ’n obair cheudna air a giùlan air aghart ’an iomadh àit air an oirthir. B’ e Bàgh nan Eilean (Bay of Islands) le ’chala ciatach anns an tairbeart an ear-thuath, a’ cheud àite ’s an d’ rinneadh tuineachas, ’s anns na chuir teachdairean an t-soisgeil suas an toiseach ann a’ New Zealand, ach a chionn nach ’eil am fearann ann a’ so gle fharsuing, ’s gum beil àite-còmhnuidh na Flaitheachd aig acairseid sgèimheach Waitemata, tha ’n earrann sin air a cumail air ais o theachd gu àirde mhòir ann an seadh malairt no oibre. Tha ’n tairbeart gu h-iomlan, le a glinn lionmhoir, thoraich, air a deagh uisgeachadh. Air a [TD 11] feadh tha iomadh àiteachas beag, mar a ta Albertland, Wangarei, Hokianga, Wangaroa, Matakana, Monganui, agus eadar iad sin agus Auckland tha co-cheannachd air a giùlan air aghart le bàtaichean-toit’ agus loingeas bheag eile, ’s tha rathad-iaruinn ’g a dheanamh eadar Auckland agus Kaipara. Tha àiteachas gle mhòr aig Waipu, deth Ghàidheil Albannaich, a chaidh an toiseach gu ruig Nova Scotia, agus á sin gu ruig New Zealand, far an d’ fhuair iad talamh mòran ni b’ fhearr, agus àileadh ni b’ fhallaine. Tha ’m bail’ Auckland, a th’ air a shuidheachadh, eadar aibhnichean a tha so-sheòlaidh, air a thogail air a’ Waitemata, a’ fosgladh ris an àird’ an ear, agus faisg air tha cala Mhanukau fosgailte ris an àirde ’n iar. ’S e ’n aireamh shluaigh th’ ann, a’ gabhail a staigh maille ris Parnell agus Newton, mu chuairta ’s 21,000, am feadh a ta 10,000 eile ’s na frith-bhailtean ’an taobh a staigh a dheich mìle dha, mar a ta Otahuhu, Onehunga (le ’phort air a Mhanukau), Howick, &c. Ann an ùin gun bhi fada, ’s fheudar gum bi Auckland (le ’shuidheachadh cho freagarrach do Australia, agus eadhon do America a Tuath agus a Deas), ’n a aon dheth na h-àiteachan ghnothuichean ’us malairt a ’s mo bhios aig dùthchannan nan Cuan a Deas. Tha mar thà laimhrig (wharf) ro ghrinn ann, aig am faod na loingeas a ’s mò laidhe, taighean-stòir seasmhach, agus iomadh taigh coitchionn a th’ air an seilbheachadh mar eagluisean, taighean tasgaidh airgid, seòmraichean ghnothuichean na Flaitheachd, &c. Tha e, mar dh’ fhaodair a radh mu bhailtean New Zealand ’an cumantas, na bhaile ni ’s grinne, ’s ni ’s glaine, na bailtean dheth a mheudachd ann a Breatuinn. Dlùth dha, air an taobh a deas, mu ’n cuairt do Thamaki agus Otahuhu, tha dùthaich ghrinn a dh-fhearann tarbhach, air a deadh dhion le callaidean fiodha, agus gle mhath air a h-àiteachadh. A deas ni ’s fhaide fathast, agus tha sinn a dlùthachadh air tir Waikato, air rathad ciatach dà fhichead mìle dh’ fhad. An taobh a staigh a bhliadhna no dhà, tha dòchas agam gu-n criochnaichear gu ruig am Bluff an rathad iaruinn a tha ’g a dheanamh ’s an àite so. Ann an sin tha ’n abhainn mhòr Waikato, a dh-fhaodair a sheòladh ceudan mìle, a tionndaidh a dh-ionnsuidh na h-àird an iar, agus a’ dol anns a’ mhuir beagan a deas air a’ Mhanukau. ’S e Waikato aon dheth na ceàrnan a ’s grinne ann a’ New Zealand, agus ged tha priomh-mhuinntir na dùthcha fathast lionmhor ann, gidheadh tha Europeanaich an déigh tòiseachadh air taomadh a staigh ann. Tha Ngaruawahia (àit adhlacaidh righ Maorach dheth ’n ainm sin) Alexandra, agus iomadh frith-bhail’ eil’ a’ fàs suas an am mòr thoirt, air na h-aibhnichean air am beil sligh’ fhosgailt aig luchd malairt, &c. Tha taighean [TD 12] tasgaidh airgid, agus eagluisean a chaochladh sheòrsachan ’g an cur suas, agus tha carbad (a coach) a’ fàgail Auckland na h-uile latha, air son Ngaruawahia. Ach cha-n urrainn gum beil tuilleadh ’us beagan mhìltean sluaigh anns a’ cheàrn so gu h-iomlan, ged tha i mòr gu leòr gu cumail beò a dhà no trì mhuillionan ann am pailteas ’s ann a’ comhfhurtachd. Tha fearann fada, farsainn, iongantach freagarrach air son treabhaidh agus ionaltraidh, ri taobh nan aibhnichean, air na réidhleanan, ’s anns na glinn. A staigh ’s an dùthaich, a’ dol deas o Bhàgh a Phailteis, tha lochan tethe Rotorua, a tha, leis an tìr timchioll orra, air am meas mar aon dheth na ceàrnan a ’s comharraichte th’ air uachdar an t-saoghail, a réir teisteis Hochstetter agus luchd turuis eile. Ann an taobh deas na mòr-roinne, agus faisg air meadhon an Eilean a Tuath, tha ’n loch Taupo, mu chuairt air ceithir fichead mìle timchioll. Tha ’uisgeachan ciùin fathast neo-ghluaist’ ach le coitean cladhaichte priomh-mhuinntir na tìre a tha ni ’s lionmhoir’ anns a’ cheàrn so, na ann an àite sam bith eile. Air taobh deas Thaupo, tha dùthaich fhiadhaich agus bheanntach a tha fathast air bheag tathaich le Europeanaich. Ann a’ so, tha beinn athach Ruapehu, ’tha ’g éiridh suas gu àirde 9000 troidh, agus beinn theinntidh lethbheothail Thongariro, tha mu chuairt air 7000 troidh. ’S anns a’ cheàrn so a tha a’ Waikato ’tha ruith a tuath troimh loch Thaupo, a tòiseachadh, cho math ri iomadh abhainn eile dheth ’m beil cuid a’ dol an ear a dh-ionnsuidh Hawke’s Bay, agus cuid eil’ a’ dol gu Caolasan Chook air an taobh an iar dheas. Mu ’n cuairt a leth-cheud mìle ’n ear o Auckland thigear gu Gleann Thames, agus tìr Choromandel. Tha anns an earrann so mòran a dh-fhearann treabhachail, agus mar an ceudna d’ fhiodh feumail, ach tha oidheirp a chuid a ’s mò dheth ’n t-sluagh a th’ ann air a buileachadh air togail an òir, air am beil iad a’ deanamh mòr phàidheadh. ’S e priomh-bhaile na tìre so, Shortland, anns am beil maille ri Grahamstown mu chuairt air 7000 anam. As a sin theid sinn gu Bàgh a Phailteis anns am beil ceud gu leth mìl’ a leud, agus e ’dol leth cheud no trì fichead mìle ’staigh anns an fhearann. Tha sluagh air seilbheachadh beagan àiteachan air oirthir a bhàigh, agus tha mòran fearainn so-threabhaidh ann. Tha ’m bail’ àraidh ann an àit iongantach grinn ris an abrair Tauranga, a thig, a réir coltais, gu bhi ’n a phriomh-bhaile na dùthcha timchioll, a chionn an acairseid a bhi anabarrach sàbhailte. Air teachd timchioll a’ Rudha ’n Ear (East Cape) far am beil an tìr gle bheanntach, tha Turanga, deth ’n gairmear gu coitchionn Bàgh na Gainne. Fhuair e ’n t-ainm mi-shealbhar so-cha robh ainm eile bu mhi-fhreagarraich—o Chaiptein Cook, do bhrìgh gu-n d’ [TD 13] fhairtlich air lòn fhaghainn do ’n luing ann. Tha e ’n a àit àillidh, le sruthan soilleir, séimh, agus àileadh taitneach. Tha mòran a dh-fhearann torach ’s a’ roinn so, agus cuid dheth a nis ann a’ seilbh Europeanach a tha ’suidheachadh ann gu dlùth. Tha bail’ air a stéidheachadh ann do ’n ainm Gisborne, a tha ’tighinn air aghart gu bras, a chionn an acairseid a bhi fior fhreagarrach air son soithichean beaga, ged nach ’eil i uile gu léir mar sin do loingeas mhòra. As a sin tha bàta-toite ’seòladh gu riaghailteach gu ruig Napier ann am mòr-roinn Hawke’s Bay (100 mìle). Tha Hawke’s Bay ’dol gu math fad a staigh ’s an fhearann, agus mòran aibhnichean a’ dol ann, mar a ta ’Wairoa a tha so-sheòlaidh fad mhìltean, a’ Nguraroro, an Tuki-Tuki, &c. Air bruachan nan aibhnichean sin, agus iomadh sruth eile, tha mòran a dh-fhearann so-threabhaidh, am feadh a tha na maghan faisg air Napier, priomh-bhaile Mòr-Roinn Hawke’s Bay, mu chuairt air 90,000 acair. Tha cuid mhòr dheth so air àiteachadh, agus pàirt mhath dheth iar iomdhruideadh ’s iar a chur fo fheòir Bhreatuinneach. Tha mòran ealaidhean agus malairt air an toirt air aghart ann a Napier, ’n uair bheirear fainear meudachd an àit agus gainnead an t-sluaigh anns an dùthaich, a tha, ach a mhàin na maghan a chaidh ainmeachadh, air a sealbhachadh le caoraich. Ach ’n uair a lionmhoraicheas an sluagh ann an sin ’s ’an àitean eile, bi ’dh earrannan mòr’ air an togail air son tuathanais. Tha carbadan a’ ruith air iomadh dheth na deagh rathadan a th’ anns a’ mhòr-roinn so; agus a nis tha carbad a’ siubhal eadar Napier agus Loch Taupo ann am meadhon an eilean. Agus tha dòchas gum bi rathad iaruinn ann an ùine ghoirid a’ comh-cheangal Napier ri tìr bheartach Waipukurau, a tha dà fhichead mìle ’s a cuig o chéile, agus an taobh a staigh do bheagan bhliadhnachan, gu-n deanair a’ rathad sin gu Wellington, dà cheud mìle. As Hawke’s Bay thigear air adhart gu Mòr-roinn Wellington. ’S e Wairarapa, air an taobh an ear, earrann a ’s fheàrr dheth a’ roinn. Ann an sin tha iomadh frith-bhaile ’g éiridh suas—Masterton, Featherston, Carterton, agus Grey Town. ’Tighinn a nuas leathad Ghlinn Hutt, le ’liosan ’us ’àiteachadh grinn, ruigear acairseid òirdhearc tìr-dhruidte Wellington, naoi mìle timchioll, a tha ’n a ionad-tearmuinn o na stoirmean làidir a tha air uairibh a’ séideadh ’an Caolasan Chook. Bha baile Wellington, anns am beil le fho-bhailtean 10,000 anam, air a stéidheachadh le Coirneal Wakefield agus Comunn New Zealand anns a’ bhliadhna 1840. Tha e ’n a laidhe air taobh an iar na h-acairseid. ’S e nis àite-suidhe Flaitheachd na roinne, ’s tha mòr mhalairt air a toirt air aghart ann. Cosmhuil ri Auckland, tha laimhrig ann a tha freagarrach air son loingeas deth luchd ’s am bith. [TD 14] Tha bùthan, ’as taighean òsda greadhnach ann, agus mar an ceudn’ aitreibhean aithnichte mar tha iad sin a th’ air son na Comhairle Lagh-thabhairteach, agus Taigh nan Riochdair. Tha ’theachd air adhart air a chumail air ais, a chionn nach ’eil mòran a dh-fhearann treabhachail dlùth dha, ’s mar an ceudna nach ’eil fosgladh d’ a ionnsuidh tro ’n tìr mhonadail a th’ air a chùlaobh. Tha ’n duilgheadas so gu mòr air a coinneachadh le deagh rathadan a dh-ionnsuidh a’ Hutt agus Wairarapa air aon taobh, agus gu Wanganui air an taobh eile. Tha carbadan a’ ruith gach lath’ orra sin; agus ’n uair dh’ fhosglair a’ rathad iaruinn ann, gheibhear buaidh air gach grabadh a dh-ainmicheadh. Tha ’n dùthaich o Wellington gu Wanganui gle thorach, agus mar sin ro fhreagarrach air-son tuathanais, a tha air a toirt air aghart gu ìre mhòr ann a Manawatu (70 mìle o Wellington), Rangitikei, Turakina, agus Wanganui (120 mìle o Wellington). Tha mòran a bhailtean beaga ’g an cur suas ’an so, agus ma ruigeas luchdimrich mar tha dùil, cha-n ’eil teagamh nach bi iad sin ’n am bailtean mòr-shluaghach ann an ùine ghoirid. ’Se Wanganui, a th’ air a shuidheachadh air abhainn mhòr, so-sheòlaidh dheth ’n ainm sin, a tha ruith a chuid a ’s mò dheth ’cùrsa troimh fhearann treabhachail, priomh-bhaile na h-earrann sin. Faisg air màthair-aobhair Abhainn Mhanawatu, agus a’ sgaoileadh a mach a dh-ionnsuidh réidhleinean Ruataniwha ann am mòr-roinn Hawke’s Bay, tha farsuingeachd anabarrach a dh-fhearann coillteachail ris an abrar gu cumanta Doire ’n dà fhichead mìle (Forty-mile Bush). O chionn ghoirid, cheannaicheadh mòran mhìltean acair fhearainn o phriomh-mhuinntir an àite; agus do bhrìgh gum beil rathad mòr a nis ’g a dheanamh troimh ’n choille, cha-n fhada gus am bi am fearann so fosgailte air son ’àiteachadh. Cha-n ’eil mòran ionadan a ’s freagarraich air son luchd-imrich gniomhach agus misneachail na ’cheàrn fharsuinn, thorach so. Ni ’s fhaide suas an t-oirthir an iar, agus thigear gu mòr roinn beag ach tarbhach agus deagh-uisgichte Tharanaki. ’S e New Plymouth a phriomh-bhaile. O ’n chriochnaicheadh a nis an cogadh a rinn mor mhilleadh air an earrann so, tha dòchas gu-n dòirt luchd-imrich ann gu pailt. Ann an so tha Beinn Egmont le ’crùn sneachda, ’g éiridh suas as a’ chuan gu àirde 8500 troidh, ’s a bonn còmhdaichte lo coilltichean òirdhearc, a’ nochdadh dealbh mais’ agus mòrachd nach ’eil a leth-bhreac ach ainmig ri fhaicinn. Ni ’s fhaide tuath fathast, agus an déigh cuairt a chur air an Eilean a Tuath, thigear gu earrann rud-eiginn cumhang agus garbh eadar a’ Waipa a tha gu h-àraidh ’deanamh suas Abhainn Waikato, agus a’ muir. Tha dhà no trì dh’acairseidean gle mhath ann a’ so, ach cha do thogadh am fearann fathast le ’bheag a shealbhadairean. [TD 15] Theid sinn a nis thairis air Caolasan Chook chum an Eilean a Deas. Tha Mòr-roinnean Nelson agus Mharlborough ’s a’ cheàrn a tuath dheth. B’ ann an Nelson a rinn an Comunn New Zealandach aon dheth ’n ceud àiteachas, ach o iomadh aobhar cha robh ’theachd air aghart ach gle athaiseach. Tha farsuingeachd a dh-fhearann treabhachail mu ’n cuairt do Richmond, Waimea, Mhotueka, agus Chollingwood, gidheadh cha-n ’eil e cho freagarrach airson gabhailean-fearainn ri cuid eil ’a dh-àitean ann an New Zealand. Tha baile Nelson (le 5600 anam—ceud gu leth mìle o Whellington) air a shuidheachadh gu h-àluinn air a’ Bhàgh Dhall (Blind Bay). Cha-n ’eil méinn-shlochdan guail, ’us dathan, ’us copair, gle fhad uaith so, am feadh a tha na h-urrad a dh-òr iar fhaotainn beagan an iar air, agus ri taobh aibhnichean Bhuller agus Ghrey. ’S ann a’ so ’tha fo-bhailtean Charleston agus Westport. Tha ’n dùthaich gle gharbh agus monadail ann a ceann a deas na roinne ged tha earrann mhòr ’n a laidhe ’n ear ’s air uisgeachadh leis an abhainn Dillon, anabarrach freagarrach air son chaorach. Tha mor-roinn Mharlborough, dheth ’m beil Picton, le ’sheachd ceud anam, ’na phriomh-bhaile. Gheibhear a chuid a ’s fhearr dheth ’n mhòr-roinn ann an còmhnardan Wairau, faisg air baile Bhlenheim. A tuath air na còmhnardan sin, tha ’n dùthaich gle gharbh, ’s air a h-eagachadh le acairseidean ’us camusan dheth na h-uile meudachd ’us cumadh. ’S e ’m priomh àite dhiubh so Caolas Ban-righ Charlotte (Queen Charlotte’s Sound) le ’dhol a staigh dùbailte, a’ ruigheachd cuig mile fichead ’s an fhearann, ’s air a chuairteachadh le aonaichean coillteach. Tha sinn a nis air teachd chum an earrainn mheadhonaich ’s an Eilean a Deas. Mòr-roinn òirdhearc Chanterbury, a shuidhicheadh le luchd-imrich Sasunnach, ’s a’ bhliadhna 1850. ’S e ’n cala sònruicht a th’ ann Lyttelton, air a thogail air caolas ’tha beagan a tuath air Dòirlinn Bhanc. Tha ’n acairseid ann a’ so gle shàbhailte, ged nach ’eil i buileach cho math riu sin ann a Wellington agus Auckland. Chaidh laimhrigean a thogail ann air son goireas luchd-malairt. Air cùl a bhaile, tha aonaichean corrach air am faighear thairis air rathad cas, sniomhanach, a bharr air rathad-iaruinn a tholladh trompa gu Christchurch, priomh-bhaile na mòr-roinne, anns am beil le ’fhrith-bhailtean trì mìle deug anam. Tha e air a thogail air bruachan na h-aibhne Abhon, dlùth air Heathcote. Tha féilltean air an cumail ann gu riaghailteach, agus deagh shràidean air an soilleireachadh le gas; agus cha-n ’eil teagamh sam bith nach bi ’cho-cheannachd air a meudachadh le na rathadan-iaruinn a tha nis a’ dol uaithe gu iomadh àite. Tha mòran bhailtean air na còmhnardan, ’s air an oirthir, ach ’s iad Kaiapoi, Rangiora, agus Timaru le chuig ceud deug sluaigh, a ’s sònruichte dhiubh. Tha tomhas mòr a [TD 16] dh-fhearann treabhachail ri slios na mara, ach tha ’chuid a ’s mò dheth na réidhleinean, a tha m’ a chuairt do thrì muillionn acair, air a ghabhail air son chaorach. Cha-n ’eil a bheag a dh-fhiodh ’an so ach na chaidh a phlanndachadh. ’S e cnap-starraidh eile th’ air an àit, an àireamh mhòr a dh-aibhnichean bras, agus, uime sin cunnartach, a tha ruith a nuas o na beanntaichean uaibhreach tarsainn nan còmhnard, mar a ta ’Hurunui ’s an àirde tuath, an Courtenay, a’ Rakaia, an Ashburton, agus a’ Waitaki ’s an aird a deas. Ach tha modhan agus meadhonan air an cleachdadh gu lughdachadh nan cunnart ’s nan cnap-starradh sin, ’s faodar, gus am bi gach grabadh dhiubh sin air an toirt as an rathad, fiodh gu togail aitreibhean agus challaidean fhaighinn as na coilltichean a tha còmhdachadh earrainn mhòir dheth Dòirlinn Bhainc. Air an aobhar sin tha ’n dòirlinn so ’n a ceangaltas luachmhor do n’ mhòr-roinn, agus gu h-àraid a chionn gum beil iomadh acairseid shàbhailt innte. Tha iomadh àiteachas soirbheasach air an suidheachadh ’s an dòirlinn so, agus a thuilleadh air a’ mhalairt fhiodh’ a th’ air a toirt air aghart innte, tha mòran connaidh, éisg, mheas, agus luibh, air an giùlan aisd’ a dh-ionnsuidh Lyttelton agus Christchurch. Tha dùthaich mhòr a dh-fhearann ro fhreagarrach air son spréidhe ’n ceann a deas na mòr-roinne, ri slios Cladaich nan Ceithir-fichead mìle ’s a deich (Ninety-mile Beach). ’An so ’s ’an sud tha ceudan acair a dh-fhearann treabhachail faisg air bailtean Timaru, Geraldine, &c. Cha-n ’eil ach beagan ri ràdh mu mhòr-roinn Westland, stiall fhada dùthcha air taobh an iar an Eilein, le àileadh rud eiginn àitidh. Cha-n ’eil teagamh nach ’eil fearann math treabhaidh ’s na glinn a tha dol suas chum nam beann cas, ach a dh-aindeoin sin, cha-n e Westland àit a ’s fearr air son tuathanais. Gidheadh, bi ’dh beagan a luchd-imrich air am fàilteachadh, agus gheibh iad obair gu leòr a’ furtachadh le luibhean agus toradh fearainn air a’ mhòr shluagh a tha togail an òir,—ceàird a tha o chionn iomadh bliadhna air a cur air aghart le buannachd mhòir, agus a tha fathast a’ mairsinn ’n a priomh obair na dùthcha. ’S e so a thàlaidh uibhir shluaigh, agus a bhrosnuich iad gu steidheachadh bhailtean mar a ta Hokitika le ’thrì mìl’ ’us shea ceud anam, Greymouth le ’dhà mhìl’ ’us dhà cheud, Ross, &c., bailtean nach robh air an dealbh o chionn bheagan bhliadhnachan. Air an aobhar so, mheasadh iomchuidh na h-earrannan a tha ’n iar air na h-Alpa Deas a chomharrachadh mar roinn eadar-dhealaichte bho Chanterbury. Tha na h-Alpa Deas sin a’ tòiseachadh aig a’ cheann a deas dheth Mòr-roinn Nelson, agus a’ sìneadh a mach ri slios Chanterbury gu Otago, ’s iad dà cheud mìl’ air fad, agus leth cheud mìl’ air leud. Tha mòran a bhideinean nam beann sin a’ ruigheachd gu àird anabarraich, o ochd mìle gu ruig [TD 17] deich mìle troidh, agus iad air an còmhdachadh le sneachda sior-mhaireannach. Tha Beinn Chook trì mìle deug troidh air àirde. ’Na laidhe air taobh deas Chanterbury tha Mòr-roinn fharsuing Otago, a tha ni ’s mò na leth Alba, agus ann an iomadh dòigh co-chosmhuil ann an cumadh ’s ’an dreach nàdurra. Ann a’ so, mar anns a’ chuid eile dheth ’n Eilean a Deas gu cumanta, ’s e ’n taobh an ear ri slios a’ chuain, gu mòr a ’s grinne dheth ’n dùthaich. Tha mòran a dh-earrannan torach, freagarrach air son treabhaidh agus spréidhe, le pailteas coille ’s uisge ’s an roinn so; ’s chithear iomadh baile ’g éiridh suas gu soirbheasach ’an so ’s ’an sud; agus am feadh a tha cuid mhath dheth ’n dùthaich air a sealbhachadh le luchd-imrich, tha fathast mòran fearainn ri ’shuidheachadh. Faisg air a’ cheann a’ tuath dheth n’ roinn tha port àdhmhor Oamaru, tha comharraichte air son a chlachan togalach luachmhor, dheth ’m beil mòran air an giùlan gu àitean eile, cho math ri toradh na dùthcha. A deas air so tha Dunedin, priomh bhaile na roinne, le ’dhà mhìl’ ar fhichead sluaigh. Tha e air a shuidheachadh aig ceann loch’ a tha fòghnadh air son acairseid, mu chuairt do naoi mìle bho Phort Chalmers, far am beil cala ’tha làn fhreagarrach air son nan long a ’s mò, ’s mar an ceudna long-amar (graving dock). Cosmhuil ri priomh-bhailtean eile New Zealand tha iomadh aitreabh grinn ann, mar a tha taighean tasgaidh airgid, taighean litrichean, eagluisean, agus sgoilean. O chionn ghoirid, bha àrd cholaisde air a shuidheachadh ann, le ceathrar a dh-àrd luchd teagaisg nach toireadh mi-chliù air taigh foghluim ’s am bith. Tha slighe fhosgailt air a cumail suas le bàtaichean-smùide, agus soithichean eile, eadar Dunedin agus Port Chalmers; ach tha rathad-iaruinn a nis ’g a dheanamh ann, ’s bi ’dh e air fhosgladh ’an ùine ghoirid. Tha deagh rathadan mòra troimh ’n earrann an ear dheth ’n Roinn, agus air cuid dhiubh tha carbad a’ siubhal gu riaghailteach gu Oamaru, agus o sin gu Christchurch, agus gu Queenstown air Loch Wakatipu, agus gu àitean eile. Ann an Dunedin tha malairt mhòr a th’ air a brosnachadh leis an òr a fhuaradh a mach ann ’s a’ bhliadhna 1860. Bha ’leithid a’ bhuannachd a’ sruthadh o chladhach an òir, ’s gu-n do thàlaidh sin àireamh mhòr shluaigh o na h-uile ceàrn, ach ’s e Albannaich gu mòr a ’s pailte th’ ann fathast. Uaith so bha iarraidh air gach seòrsa toraidh talm hainn, agus bathair eile ’ghabhadh reic, ’s mar sin dh’ éirich prìs fearainn timchioll Dhunedin, agus thàinig sealbhadairean talmhainn gu bhi ann an inbhe shona. Tha ’n an laidhe ’deas air Dunedin earrannan grinne Thaieri agus Thokomairiro air an deagh lionadh le sluagh, agus air an deagh àiteachadh. Tha moran aibhnichean ’s an tìr so, ach ’s iad an Taieri agus an Clutha a ’s mò dhiubh. Tha ’n Clutha [TD 18] ’ruith o Lochan Wanaka agus Wakatipu ’n a dà bhuinne, agus an déigh cùrsa dhà cheud gu leth mìle, tha i ’dol ’s a’ mhuir aig Molyneaux. Do bhrìgh gum beil i cho bras-shiùbhlach, cha-n ’eil i deth mhòr fheum gu giùlan ni sam bith oirre. Ni ’s fhaide ’deas ’s thigear gu earrann Southland, le ’phriomh-bhaile Inbhercargill anns am beil dà mhìl’ anam. Cha-n ’eil an t-àileadh ’an so cho fior thaitneach, gu h-àraid teann air Caolasan Foveaux, ach tha e ni ’s fhearr ’am bràighe na dùthcha. Tha earrannan mòr ’an so deth dheagh fhearann treabhachail, a th’ air an àiteach le comunn co-phàirteach a tha ’g oibreachadh le croinn-thoite, ’s innealan ùr’ eile. Tha ’n dùthaich air a deagh uisgeachadh le iomadh abhainn ’us sruth a tha ruith gu Caolasan Foveaux. Tha ’leth an iar dheth ’n Roinn ’n a thìr gle fhiadhaich, mhonadail, làn lochan uisge, ’s tha ’oirthir iargalt’ air eadar-sgaradh le frith-mhuirean deth dhòimhneachd mhòir. Cha-n ’eil loingeas ach gle ainmig a’ tadhal na h-oirthir so, mur bi iad air am fuadach thuice le fàl-aimsir; no air uairibh ’s an dol seachad gu’n téid iad gu tìr ma bhios easbhuidh uisge no sparran orra. Chaidh àiteachas a chur suas o chionn ghoirid aig Bàgh Mhàrtuinn, ’s an àirde ’n iar-thuath, far an d’ fhuaradh talamh bh’ air a shruth-iomain o na beanntaichean, ’s e pailt deth choille fhreagarraich air son long-thogail. Air an taobh eile ’Chaolasan Foveaux tha Eilean an Stiùbhardaich, mu mheudachd té dheth siorramachdan mòra Shasuinn. Tha e gu domhain air eagachadh air an taobh an ear le Fosgladh a Phatersonaich, aon dheth na h-acairseidean a ’s sàbhailt ann an New Zealand. Ged tha farsuingeachd mhòr a dh-fhearann spréidhe, ’s a ghlinn thorach ’s an eilean so, gidheadh cha-n ’eil dad a bhailtean beag no mòr air an cur suas ann fathast. V. IONMHAS MEINNEACH. THA ionmhas mhèinntean New Zealand gle mhòr. Chaidh iomradh ’thoirt mar tha mu thogail an òir ann an caochla dh’ earrannan dheth ’n dùthaich. Dhearbh iad sin mar thà ’bhi gle luachmhor; ’us fhuaradh asda roimhe so cho math ri Cuig muillion fhichead punnd Sasunnach—£25,000,000, agus tha iad fada bho bhi air am falmhachadh. ’S i barail an Ollaimh Hectoir, Fear-treòraichidh a Chomuinn New Zealandaich a tha ’g iarraidh eòlais air gnè na cruinne, nach d’ rinneadh fathast ach uachdar an talmhainn a sgriobadh. Tha m’ an cuairt air [TD 19] 15,000 a mhiltean ceithir-chearnach fearainn anns an Eilean a Deas ’s am beil an t-òr air fhaotainn, a’ dol troimh Otago agus Westland gu Mòr-roinn Nelson. Cha-n ’eil faisg air uiread so ’s an Eilean a Tuath, oir cha d’ fhuaradh òr ann fathast cho pailt ’s gum pàidh e saothair a thogail, ach ann an talamh Thames agus Choromandel a mhàin. ’S an Eilean a Deas tha e mar a ’s tric air fhaighinn ann an talamh bh’ air a shruth-iomain o na h-aonaichean. ’S an Eilean a Tuath ’s ann an cloich éiteig a gheibhear e, ’s feumaidh e bhi air a bhleith aisde le muilltean a chaidh chur suas le Comunnan co-phàirteach. Fhuaradh airgiod ann an iomadh àit, ach cha-n urrainear mòran a ràdh fathast mu dhéighinn a phailteachd. O chionn ghoirid fhuaradh iarunn geal no staoin ann mar an ceudna. Tha pronnasc ri fhaighinn gu pailt ’an iomadach earrann dheth an Eilean a Tuath, gu h-àraidh faisg air lochan tethe Rotorua, agus anns an Eilean Bhàn ’am Bàgh a Phailteis. Tha tomadan beaga dheth manganese, dathan, airgiod-beò agus luaidhe, ri ’m faotainn, gu sònraichte ’s an Eilean a Deas. Tha ’choltas gum beil iarunn pailt ann am mòran àitean. Air an oirthir an iar dheth an dà eilean tha mòr phailteas a ghainmhich iaruinn a dh-fhaodar a thionndaidh gu stàilinn deth ’n ghnè a ’s fhearr. Tha copar air fhaotainn ’am mòr-roinn Nelson. Tha gual anabarrach pailt anns a chuid a ’s mò dheth New Zealand, ach cha-n eilear ag oibreachadh nam mèinn shlochd ach am beagan àitean fathast. Tha e dheth iomadh seòrsa, agus tha e air a losgadh aig na raointean òir, agus ann am mòran dheth na bàtaichean-toite th’ air an oirthir, &c. ’S mar an ceudna tha e air a chleachdadh ann an teaghlaichean, gu h-àraid ann an Otago. Tha clach-aoil, agus clachan air son togail thaighean air am faotainn ’an iomadh àite. Tha marmor, agus granite a chaochladh dhathan air am faighinn, gu sònraicht air oirthir an iar an Eilean a Deas. Tha mòran dheth na h-aitreibhean ann an Auckland air an togail dheth sgealban o Shliabh Eden, beinn-theinntidh ’tha nis air dol as: ach tha clach-aoil air son thaighean, agus feuman eile thuathanach, an taobh a staigh a dh-astar cothromach do bhàtaichean, rathadan mòra, agus rathadan-iaruinn. Tha clach gheal Oamaru buileach iomraideach, agus tha moran dhith air a giùlan a dh-ionnsuidh iomadh àit ann an New Zealand, agus eadhon gu ruig Melbourne ann an Australia. Tha i air a gnàthachadh air son carraighean cuimhneachan mharbh, agus oibrichean grinnicht’ eile. Faodar criadh-ghlaodh (cement) gle làidir a dheanamh dheth na clachan-glaodhaidh ’tha gle phailt, agus dheth stuth àraid a gheibhear aig na beanntan-teinntidh ’th’ anns an dà eilean. [TD 20] VI. FÀS AINMHIDHEAN AGUS LUSAN. DH’ fhaoidte aire ’thabhairt do New Zealand mar fhearann a bha anabarrach falamh a dh-ainmhidhean gus an taobh a staigh do ’n cheud bliadhna mu dheireadh. Tha e gle choltach nach robh beò-ainmhidh ’bhuineadh do ’n dùthaich, ach radain bheaga do ’n do chuir na radain Europeanach as, agus coin fhiadhaich a bha réir barail air an toirt innte le na Maories, agus beagan a dhearcan-luachrach neo-chronail. Gidheadh, tha eòin gle lionmhor, agus tha cuid dheth an cruthan gu math neònach. Chaidh as do sheòrs’ eoin athach, struth-chosmhuil (ostrich-like) agus tha seòrsachan eile ’teireachduinn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air aghart. Tha seòrsachan eil’ a ’s feumail’ air an cur ’n an àit le Cuideachdan a tha ’g an cur an null. Tha easagan (pheasants) agus cearcan-tomain gle phailt ann an coimhearsnachd Auckland, agus ’an cuid a dh-àitean eile. Fhuair a chuid a ’s mò dheth eòin ceòlmhor Bhreatuinn gu ruig New Zealand; agus o ’n thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid, bi ’dh na h-ionadan tàimh, gu h-àraid a chuid a th’ air an cuairteachadh le craobhan, gu math coltach ri àrosan Breatuinneach. ’S gann a tha aobhar a bhi ’g ainmeachadh gum beil eòin-thaighe dheth na h-uile seòrs’ ann an New Zealand, ’s gum beil iad a’ cinneachadh gu h-anabarrach ann. Gu fortanach cha-n ’eil nathraichean nimheil no biast dhochannach sam bith ann. Tha ’n tìr cho saor o ’n leithidean ’s a tha Eirinn féin. Tha e gle choltach gu-n do bhàsaich na seòrsachan spréidhe ’thug Cook do ’n dùthaich; ach shiolaich na mucan gu h-iongantach, agus ann ceàrnan iomallach gheibhear iad a’ ruith fiadhaich, ’s a’ tighinn beò air bunan na rainich, ’s cha-n ainmig leo ’bhi giùlan air falbh uain òga. Chaidh cunntas mhòr a dh-eòin-thaighe, agus cuid dhiubh dheth na seòrsachan a ’s fhearr, a thoirt a staigh do ’n dùthaich o chionn bheagan bhliadhnachan. Phàidh na coigrich a tha nis a’ sealbhachadh na tìre prìsean gle mhòr air son eich, buar, mucan, agus gu h-àraid air son chaorach, a thug iad cha-n ann a mhàin a Sasuinn, ach as na mòr-thìrean a ’s ainmeil’ air son nan gnè a ’s fhearr, mar a ta Rambouillet a bhuineadh do ’n Iompaire mu dheireadh a bh’ air an Fhraing. Tha e nis dearbte gum beil an t-àileadh iongantach freagarrach a dh-ainmhidhean taighe, le cho bras ’s a tha iad a’ siolachadh, ’s cho saor ’s a tha iad o na tinneasan do ’m beil iad buailteach ’s an Roinn-Eorpa. Chaidh féidh mar an ceudna ’thoirt do dh-iomadach earrann [TD 21] dheth na h-eileanan, agus tha iad a’ soirbheachadh gle mhath annta. Gheibhear annta fòs maighichean agus coineanan, ach cha bhuannachd mhòr na coineinean. Tha ’n t-iomlan a dh-aibhnichean New Zealand gle fhalamh dh’ iasg, ach tha dòchas gum bi am bradan, ’s am breac, agus caochladh sheòrsachan eil’ a bhuineas do Bhreatuinn gle chumant’ an ùine ghoirid ann. Bha mòran ’mhucan-mara ’s a’ chuan timchioll New Zealand, ach cha-n ’eil iad anise cho pailt ’s a bha iad o chionn bheagan bhliadhnachan. Tha iomadh seòrs’ eisg ann nach ’eil ri ’m faotainn ’am Breatuinn, agus iasg tana coltach ri leòbaig, agus mar an ceudn’ iasg a tha m’ an cuairt do mheudachd ’s do chumadh sgadain, ’s e ’dol fo ’n ainm sin. Tha eisirein, feusgainn, agus seòrsa giomaich gle lionmhor ann. Cha-n ’eil teagamh nach tig iasg-aireachd New Zealand, a bh’ air a dearmad gle mhòr ’s an ùine ’chaidh seachad, ach a tha nis air a dion le reachdan laghail, gu bhi gle thoirteil. Tha cuileagan tuilleadh ’us pailt, agus tha cuid dhiubh nach eil idir ’n an nàbuidhnean gle thaitneach. Ach le bhi ’tabhairt a staigh eòin, agus le dol air aghart àitichidh, cha-n ’eil teagamh nach tig iad gu bhi ni ’s neo-dhraghaile. Tha connspeachan aithnichte le ’n neo-làthaireachd, am feadh a ta àit ’us obair aig an t-seillein chumanta m’ an cuairt a dh-iomadh fàrdach, ’s mar an ceudn’ anns na coilltichean, far am beil craobhan gu tric air an gearradh sios le ’n còsan ’s an sgoltaidhean làn meala. Bheireadh e ’mach cus rùim ann a leabhran mar so, na ’n tugamaid iomradh mionaideach air luibhean New Zealand, do bhrìgh gum beil am pailteachd ’s an eugsamhlachd araon cho iongantach. Tha na beanntan, na còmhnardan, ’s na glinn, gorm an còmhnuidh, ’chionn gum beil, a bharr air feurach, ’us lusan eil’, os-cionn ceud seòrsa chraobh agus phreas ann. Tha aig coilltean New Zealand, o thiughad na preasarnaich, o mheudachd nan craobh, agus o eadar-fhigheadh nan iadh-shlat, sealladh air leth o choilltean Bhreatuinn. Tha ’s a chuid a ’s mò ’chaidh àiteachadh dheth ’n dùthaich, callaidean maiseach, mar a ’s cumant’ a dhroighionn, a th’ air uairibh air eadar-mheasgachadh le miortal, ròsan, agus pris àluinn eile. ’S i ’n Kauri aon dheth na craobhan a ’s luachmhoir ann an New Zealand, ach cha-n fhaighear a nis i ach anns an earrann a tuath dheth mòr-roinn Auckland. Tha feum mòr air a dheanamh dhith ann an togalaichean, am feadh a ta a bìth gle phrìseil ri ’malairt. Tha giuthas geal ’us dearg ri ’m faotainn gu pailt air feadh cuid mhòr dheth ’n fhearann, agus mar an ceudn’ am puriri, a’ matai, an totara, agus iomadh seòrs’ eile. Leagadh, cuid dhiubh, sin anns a’ robh ceud gu leth troidh air àirde, agus o ochd gu deich troidhean anns a chroislin (diameter), ’s mar sin shaoileadh neach a chunnaic iad nach ’eil ann an craobhan [TD 22] Bhreatuinn ach meanbhlach ’an coimeas riu. Faodar fiodh mhòrain diubh ’thoirt gu bhi anabarrach liomhaidh, agus tha e nis air a làmh-oibreachadh ann an àirneis taighe araon fheumail, agus dhreachail. Tha iomadh gnè rainnich ann, o ’n t-seòrs’ a ’s lugha gus a’ chraobh-rainnich ’tha fàs a suas gu ruig deich troidhean fichead air àirde; agus iomadh preas sgiamhach. Feumar a’ lion fiadhaich a thoirt fainear, gu h-àraidh mar ni luachmhor air son a mhalairt. Roimhe so, b’ e n lion an ni dheth n robh priomh-mhuinntir na dùthch’ a’ deanamh ’n cuid aodaich, am bratan, an liontan, ’s am bascaidean. Ach an taobh a staigh a bheagan bhliadhnachan, ged bha mòran dheth air a dheanamh ’n a ròpan, ’s ’n a shreangan ’s an dùthaich, bha ni bu mhò dheth air a chur, ann an tomhas air oibreachadh, do Bhreatuinn, far am beilear a’ faighinn air o dheich puinnd fhichead Shasunnach—£30—gu da-fhichead punnd ’s a’ dhà (£42) an tunna, a réir mar tha e air a dheasachadh. A thuilleadh air craobhan ’us luibhean dùthchasach New Zealand féin, chaidh mòran eile ’thoirt a staigh á iomadh ceàrna dheth ’n t-saoghal. Fhuaradh á Australia na craobhan-bìthe gorm agus dearg, an acacia-craobh a bhuineas do ’n Eiphit—agus mòran eile, am feadh a ta ’chuid a ’s mo dheth craobhan cumanta nan Eilean Breatuinneach air an cur riu o àm gu àm. Tha àit aig an darach, an uinnsean, an t-seileach, am fàidh-bhile (beech) aig a’ chritheann, ’s aig a’ leamhan ann an New Zealand. Ged nach ’eil iad sior-uaine mar tha craobhan na dùthcha, gidheadh tha iad a’ leantuinn ri ’n duilleach ni ’s fhaide, agus tha iad a’ fàs suas moran ni ’s braise. Tha measan gle phailt anns a chuid a ’s mò dheth New Zealand, agus a’ fàs ann a reir mar fhreagras iad do nàdur na h-earrann anns an cuirear iad. Tha meacanan ’us luibhean dheth gach seòrsa pailt ann, mar an ceudna, curranan, nèipean (dheth ’m beil deich tunnachan fichead gu cumant’ a’ fàs air acair, fhearainn), peasair, càl, curranan geala, uinneanan, agus buntàt anabarrach math. Dh’ fheuchadh searbh-luibh a leanna ann (hops) gu soirbheasach, gu h-àraidh ann am mòr-roinn Nelson. Faodar a ràdh gu h-aithghearra, nach ’eil dad a thoraidhean lios ann am Breatuinn, mar a ta measan, flùraichean, agus luibhean, nach ’eil a nis ’an New Zealand, agus iad a’ fàs ann mòran ni ’s iomlaine. A ’s urrainnear an ni ceudn’ a ràdh mu thoradh tuathanais. Tha cruithneachd (dheth ’m faighear o dhà cheud, gu dà cheud ’us fichead peic o acair thalmhainn), eòrn’ agus corc a’ fàs ann gu reachdmhor, a thuilleadh air cruithneachd Innseanach, a gheibhear ’an cuid a dh-àitean dheth ’n Eilean a Tuath. Ach cha-n ’eil treabhadh air a leantuinn gle mhòr ann fathast, do [TD 23] bhrìgh cho gann ’s cho costail ’s a tha luchd-oibre, ’s mar an ceudna ’chionn nach ’eil féilltean freagarrach ann air son reic mòran toraidh. Mar a ’s mò’ tha ’n luchd-imrich ’g an tabhairt féin suas do ’n dòigh chaitheamh-beatha so, agus mar tha ’n sluagh a’ lionmhoireachadh, ni tha dòchas a bhios a sior mheudachadh leis a’ mhodh a th’ air a cleachdadh gu faighinn dhaoin’ a null, ’s ann gun teagamh a ’s mò ’bhios a dh-aire air a leigeil air tuathanas. Bi ’dh na h-earrannan a ’s fheàrr a tha nis fo chaoraich, agus gu h-àraid a chuid sin dhiubh ’tha faisg air bailtean, air an suidheachadh no air an reic air son an aobhair so, agus gabhalaichean cuimseach air an deanamh dhiubh, ged nach urrainnear air son beagan bhliadhnachan bàrr a chur annta gu riaghailteach mar nithear ann am Breatuinn. Agus cha-n ’eil teagamh sam bith nach fhaod duine stuam’, dichiollach aig am bi ’dhà no trì ’dh’ fhiceadan acair fhearainn air a challaideachadh, ’s air a chur fo sheamraig, agus fo fheòir Shasunnach eile, beathachadh sona ’sholair dha féin ’s dha ’theaghlach. Faodaidh duine sam bith ’thighinn chum an t-suidhichidh so leis an tuarasdal àrd a gheibh e ’n déigh ruigheachd thall. Agus cuidichidh na prìsean a gheibh sealbhadairean fearainn air son feòla, o na comunnan a th’ air cur suas a chum greidheadh feòl’, iad, a dh-aindeoin na claon-bheachdan a th’ aig cuid ’an aghaidh feòla th’ air a gleidheadh ann am bocsachan staoine. VII. AOBHARAN MISNEICH DO LUCHD-IMRICH. THA so ’g am threòrachadh gu radh gum beil moran talmhainn a nis air a chuir a mach leis a’ Fhlaitheachd air son a shuidheachadh. Tha iomadh earrann dheth ’n talamh a fhuaradh ann an Doire ’n Dà fhichead mìle ’thugadh fainear mar tha, air a ghleidheadh air son ghabhaltasan sònruichte. Cha deach na riaghailtean a th’ ann an comh-cheangal ris an fhearann sin, a dheanamh follaiseach fathast; ach tha e tuilleadh a ’s coltach gur e ’m brìgh gum bi e air a bhàirigeadh aig prìs iosail as an acair, air dòigh gu-n téid a phàidheadh ’n a cho-earrannan an ceann gach ùin àraid. Tha rathadan mòr’ agus rathadan-iaruinn gu bhi air an deanamh troimh ’n tìr, agus mar sin gheibhear gu leòr a dh-obair, agus duais mhath. Tha so fior mu dhéighinn a chuid a ’s mò dheth New Zealand, air sheol nach ruig neach air bith eagal a bhi air, ge b’ e roinn do ’n téid e, nach fhaigh e obair ’us deagh dhuais, oir chaidh earrann mhòr dheth ’n mhuil- [TD 24] lion punnd Sasunnach (£1,000,000) a thug a’ Fhlaitheachd a mach air iasad a shònrachadh air son oibrichean dheth ’n t-seòrsa so. ’S e ’n ni b’ fhearr do luchd-imrich a dheanamh, gu h-àraid do mheud dhiubh ’s aig nach ’eil airgiod no ceàird shònraicht’, a dhol gu obair, no muinntireas a ghabhail mar threabhaichean, no ’n an cibeirean, no ’n an luchd-riaghlaidh. Agus an deigh oibreachadh mar sin beagan bhliadhnachan, gleidhidh iad airgiod ni ’s leòr gu teannadh ri tuathanas dhoibh féin. Eadhon ged bhiodh beagan airgid aca ’n uair ruigeas iad thall, tha e rud-eigin amaideach dhoibh fearann a ghabhail air ball. ’S fhearr dhoibh an cuid airgid ’thoirt seachad ’an geall-ainmheich (on mortgage) ’s gheibh iad o ochd gu deich puinnd Shasunnach as a cheud ’s a’ bhliadhn’ air a shon; no cuireadh iad e ann an taigh-tasgaidh airgid (bank) ’s gheibh iad cuig puinnd Shasunnach as a cheud. Ré na h-ùine so, faodaidh iad sealltuinn m’ an cuairt, ’s a bhi ’tiomsachadh eòlais a bhios feumail dhoibh; ’s aig an àm cheudn’ a bhi ri obair onorach ’s am bith a thig ’n an rathad. Oir ’an sin, cho math ri àitean eile, tha obair sam bith ni ’s fhearr no diomhanas tro ’n caillear airgiod, ’s troimh ’n ionnsuichear cleachdaidhean lunndach. Tha ’n corr ’an comas muinntir aig am beil mòran airgid ’n an làimh, ’s faodaidh iad a chur air riadh seasmhach, ’us deich puinnd Shasunnach as a cheud ’s a’ bhliadhn’ fhaighinn air a shon; no faodaidh iad fearann ’us luchd tuarasdail fhaighinn, agus cuide ri sin gnàth-eòlas. Ach tha gliocas ’us faicill buileach feumail ’n an cor-sa mar an ceudna ’n àm inntrigidh ’an còir-sheilbh ann an dùthaich anns am beil iad aineolach. ’S iad tuathanaich bheaga ’tha comasach air an obair féin a dheanamh gun bhi ’toirt duaise do sheirbhisch, seòrsa luchd-imrich a ’s mò ’gheibh a bhuannachd o dhol gu ruig ùr-threabhachas mar a ta New Zealand. Ann am Breatuinn tha aca ri cathachadh ri iomadh cruaidh-chàs, agus tha e duilich a thuigsinn, le bhi beachd-smuaineachadh air cho àrd ’s a tha na màil a tha ri phàidheadh, o ’n choimh-shréip air son ghabhaltasan, agus mar tha costasan tuathanais a’ sior-mheudachadh, cionnas a ’s urrainnear beò-shlaint fhàsgadh á fearann a tha gle thric neo-thorach, agus mar an ceudna nach ’eil mòran dheth na sealbhadairean a tha comasach air an fhearann a dheanamh beartach le mathachadh innleachdach, no le dòighean ùra tuathanais. Agus ma tha teaghlaichean mòr aca, cia deacair ’s a tha e dhoibh foghlum a thoirt do ’n clann chum an deanamh iomchuidh air son a dhol a mach feadh an t-saoghail. Le beagan atharrachaidh, tha na nithean ceudna fior mu threabhaichean, oir feumaidh mòran dhiubh a bhi, a chuid a ’s mò dheth ’n bhliadhna, dealaichte o ’n teaghlaichean, a chionn nach ’eil taighean air an [TD 25] ullachadh dhoibh am muigh le ’m maighistirean. Cha-n ’eil teagamh air bith nach feumair, ’s a’ cheud dol a mach, gleachd ri iomadh deuchainn ann an dùthaich choigrich; agus tha saothair agus sàrachadh dualach ’an sin mar tha ’m Breatuinn. Feumair a’ chraobh a phlanndachadh mu ’n tionailear a toradh. Ach mar a ta craobhan a’ fàs mòran ni ’s brais’ ann an New Zealand na tha iad ann am Breatuinn, mar sin faodar dachaidh shona, ’s tuathanas bhuannachdail a chur suas thall ni ’s luaithe na ’bhos. Is firinn dhearbhta gum faod duine stuama, dichiollach air bith, le beannachd an Tighearn air a shaothair, dachaidh shona ’chur suas ann an New Zealand, ach feumaidh e ’bhi stuam agus dichiollach. Gun teagamh air bith ni e so ni ’s ’luaithe ma bheir e leis a dhà no thrì ’cheudan punnd Sasunnach, ’s gu-n gluais e gu sicir ’n uair ruigeas e, a’ seachnadh dhaoin’ eas-onorach, agus slighean eas-onorach, agus gun bhi ann am mòr chabhaig a’ dol a sàs ann an gnothuch air bith gus am bi e làn fhiosrach ciod m’ am beil e. Ma ’s fear teaghlaich e, gheibh e ’mhic ’s a nigheanan ’n an còmhnadh mòr dha. ’S urrainn e gu ìre mhath an cumail timchioll air ni a ’s gann a ni e ann am Breatuinn: ach gu dearbh, o ’n neo-ionannachd anabarraich a th’ eadar an sluagh ’n an gnè, ’s e ’s coltaiche nach cum e na nigheanan fada fo dhruim a thaighe; oir pòsaidh iad gle thràth, ’s gheibh iad taighean dhoibh féin. Ach m’ an tachair so, faodaidh iad, ma ’s e sin an toil, muinntireas a ghabhail aig ochd gu dusan tasdan ’s an t-seachduin, ’s a h-uile costas ach aodach air am maighistirean. A ’s airidh ’thoirt fainear nach ’eil boirionnaich aig uair air bith ri obair a muigh ’an New Zealand mar a tha iad gu tric ’am Breatuinn. Cuirear a nis a sios earrann a litir a fhuair sgriobhadair an leabhrain so o chaileig a chaidh gu ruig New Zealand an uiridh, anns a luing Halcione:—“Bha turus-mara gle thaitneach againn a’ tigh ’n a mach. … Bha pailteas a dh-aimsir ghairbh againn, ach cha robh gaillionn ann. Bha ’n caiptean gle chaoimhneil ruinn; cha-n e ’mhàin gu-n d’ rinn e na h-uie ni taitneach, ach rinn e na bha ’n a chomas gu ar toileachadh. … Ràinig sinn Wellington ann an ceithir fichead là ’s a cuig, agus bha sin air a mheas ’n a thurus a bha gle aithghearra. … ’N uair thàinig sinn air tìr ann a’ Napier bha na h-uile ni goireasach romhainn; ’s ghabhadh ruinn gu caoimhneil le na h-uile neach a bhuineadh do ’n Chomunn a chuir a mach sinn. … Cha d’ fhuirich sinn ach aon oidhch’ ann am Bùthan an Luchd-imrich (Immigration Barracks) ’n uair ghabhadh sinn gu seirbhis, cuid anns a’ bhaile agus a chuid eil ’a mach air an dùthaich. Chunnaic mi ’chuid a ’s mò dheth na nigheanan uaithe sin, agus tha iad uile toilichte le ’n suidheachadh. … Tha mi ’smuaineachadh nach ’eil dad gu bacadh a chur air neach air [TD 26] bith, a ni ’chuid a tha ceart, o fhaighinn air aghart gu sàr mhath ann a’ so. … Faodaidh mi ràdh mu ’n dùin mi ’litir so, gum beil mi làn thoilicht’ ann a’ Napier. ’N uair ’thàinig mi air tir, chuir àilleachd na dùthch’ ioghnadh orm. Dh’ iarrainn taing a thabhairt dhut air son mo chur gu ruige so; agus tha dòchas agam gu-n cuidich Dia leam, gu mo dhleasannas a dheanamh, air chor ’s nach bi aithreachas ort air son gu-n do chuidich thu mi.” Tha-n earrann a leanas o Iomradh Mhaighstir Cailean Allan, fear-ionaid Comuinn an luchd-oibre ’an Dunedin:—“Chithear o ’n fhreagairt a sgriobh mi, gur iad sgalagan agus searbhantan theaghlach seòrs’ air am mò ’tha dh’ iarraidh anns a’ Mhòr-roinn. … Tha-n t-aslachadh a ’s maireannaich ’s a ’s déine a’ tigh ’n a steach o ’n dùthaich air son searbhantan theaghlach agus banaraichean; agus shluigte suas àireamh air bith a bhoirionnaich a tha freagarrach air son seirbhis, aig tuarasdalan o Dheich puinnd fhichead Shasunnach, gu Dà fhichead punnd Sasunnach ’s a cuig ’s a’ bhliadhna.” Dh’ fhaoidte ’ni so ’chaidh nis a ràdh mu Mhòr-roinn Otago, a chantuinn m’ an chuid eile dheth New Zealand. VIII. SGOILEAN AGUS EAGLAISEAN, ETC. ANNS na Mòr-roinnean air leth tha Reachdan Foghluim air leth mu nach urrainnear labhairt an dràsd air fad. Ann an cuid dhiubh tha còmhnadh air a thabhairt do sgoilean dùthchasach agus ainmeannach, ’m feadh ann an cuid eile tha còmhnadh air a thabhairt do sgoilean dùthchasach a mhàin; agus tha na h-eaglaisean sin a th’ air son sgoilean ainmeannach air am fàgail gu ullachadh a dheanamh air an son. Cho fad ’s a ’s fiosrach do ’n sgriobhadair tha ’bheag no ’mhor a dh-fhìrinnean na diadhachd air an teagasg anns na sgoilean uile. Tha na sgoilean pailt cho lionmhor ’s a dh-fhaoidte gu reusont’ a smuaineachadh. Tha chuid a ’s mò dheth na bailtean ni s fhearr air am frithealadh le meadhonan foghluim na bailtean mòra Bhreatuinn; agus tha eadhon na ceàrnan a muigh air an dùthaich an eatorras mhath air an riarachadh. Tha air uairibh dìth luchd teagaisg coimhliont’ anns na sgoilean dùthcha, do bhrìgh gum beil daoine neo-fhreagarrach, a tha saoilsinn gum faod neach air bith teagasg, ’g am faotainn féin air an ainmeachadh ’s air an suidheachadh. Ach ceartaichidh na cùisean sin iad féin ’an ùine ghoirid, agus bi ’dh iad air an cuideachadh [TD 27] le deanadas comuinn rannsachaidh na Flaitheachd. Tha colaisde, le ceathrar a dh-àrd luchd-teagaisg, air a shuidheachadh ’an Dunedin, ’s ged tha e fathast a dh-easbhuidh na mòr chliù th’ air colaisdean a tha ré ùin fhad air chois, mar a ta Oxford, agus Dun-Eideann, Cambridge agus Dublin, faodaidh ’n teagasg a bhi ’cheart cho coimhlionta, cho fad ’s a ’s urrainn e bhi air a ghiùlan air aghart le cho beag a chothroman; ach cha-n fhada gus am bi sin air a cheartachadh. Faodaidh ’n colaisde so ’bhi fathast air uchd-mhacachadh, ’s e sin air a cho-cheangal, ri àrd cholaisde New Zealand. Tha meadhonan sùrdail air an gnàthachadh cheana chum so a thoirt gu crìch, le Flaitheachd New Zealand. Mar riaghailt, tha ’n dream a chaidh gu ruig New Zealand, agus a bha ’n iomadh inbhe thairis air a chuid mhòr dheth ’n t-saoghal n-a ’s fiosraich, ’s n-a ’s ionnsuicht, agus mòran n-a ’s eudmhoir a thaobh shochairean foghluim, na àireamh co-ionnan a shluagh Alba ’s Shasuinn. A’ toirt fainear mar an ceudn,’ an sluagh measgaicht’ a th’ ann an New Zealand—Sasunnaich, Albannaich, agus Eirionnaich maille ris an àireamh th’ ann á rioghachdan eile—tha bail’ anns am beil m’ a dhà mhìl’ anam, gle eugsamhuil ri baile dheth ’n mheudachd cheudn’ ann am Breatuinn, far am beil an luchd-còmhnuidh dh’ aon seòrs’, ’s air an lionadh le na h-aon bharailean, am feadh nach robh an leth riamh leth cheud mìle bho ’n dachaidhean. Tha sin air a dhearbhadh mar an ceudna leis an iarraidh th’ air paipeirean ’us leabhraichean naigheachd dheth na h-uile seòrs’. A thuilleadh air an àireamh anabarraich dhiubh sud a tha dol a null a tìrean eile, tha aig Wellington, Auckland, Dunedin, Christchurch agus Nelson, am paipeirean làthail, seachduineach, agus dà uair ’s an t-seachduin; agus mar an ceudna leabhraichean naigheachd mìosach, agus dà uair ’s a’ mhios. Eadhon tha paipeirean naigheachd air an clodh-bhualadh anns na bailtean a ’s lugha. Ann a labhairt air eaglaisean, faodair a thoirt fainear nach ’eil eaglais Stéidhicht’ dheth seòrs’ air bith ann an New Zealand. Tha iad uil’ air am féin-chumail suas, ged tha iad air uairibh air an cuideachadh le comunnan ann am Breatuinn. Tha ann an New Zealand na h-aon eaglaisean ainmeannach ’s a th’ ann am Breatuinn, ach gum beil an Eaglais Chléireach, ged tha i fo dhà chruth-shuidheachadh, ’n a h-aon eaglais neo-phàirtichte ann an seadh. Tha ’n còrr a luchd-leanmhuinn aig an Eaglais Shasunnaich air feadh na tìre gu h-iomlan, saor o mhòr-roinn Otago, far am beil luchd-leanmhuinn na h-Eaglais Chléireil mòran ni ’s lionmhoire. Tha àireamh mhòr ’luchd-leanmhuinn aig na Uesleianaich, ’s aig Eaglais na Ròimhe. Bhiodh e ion-mholta gum biodh an còrr a cho-fhulangas aig na h-eaglaisean Breatuinneach, ’s gu-n tugadh iad ni ’s mò ’chobhair dhaoin’ ’us [TD 28] airgid far am beil teachdairean ri bhi air an suidheachadh as ùr. Oir tha e mar a ’s trice gle dheacair meadhonan nan gràs a chur suas ann an àitean mar sin, ged tha iad an eatorras mhath air an còmhnadh ’n uair théid an cur suas, agus a fhritheileir iad gu glic. Os-cionn na h-uil’ eaglais, bu choir do na h-Eaglaisean Albannach an corr gliocais, seasmhachd, agus fialachd, a nochdadh na tha iad a’ deanamh. Tha sgoilean-sàbaid soirbheasach ann an co-cheangal ris a chuid mhòr dheth eaglaisean New Zealand; agus tha iad sin, ’n uair tha iad air an riaghladh le gliocas ’us treòir, a’ dol gle fhad ann an cur air aghart diadhachd agus beusalachd. Tha mòran ni ’s lugha ’ghniomharan maslach a’ dol air aghart ann an New Zealand, na tha ’measg an àireamh cheudna ’shluaigh ann am Breatuinn, agus tha chuid a ’s mò dhiubh sin ag éiridh suas o mhisg. Tha ’n lagh sìobhalt’ agus peanasach ann am brìgh co-ionann riutha sin ann a Sasuinn. Air son chùisean ceartais, tha gach mòr-roinn air a cur a mach ’n a h-earrannan, agus aon dheth na Britheimhean, dheth ’m beil cuig ann uile, a’ gabhail a staigh a phriomh fhir cheartais, a’ coimhid thairis air gach earrainn. Tha cùirt mhòr-fheara-dearga air a cumail ann an priomh-bhaile gach mòr-roinn’ air son dearbhadh le luchd deuchainn, chùisean a bhios tuilleadh ’us cruaidh air britheamhan nan cùirt a ’s ìsle. Cha-n urrainn mi ni ’s fhearr a dheanamh na na gearr-iomraidhean so a cho-dhùnadh le bhi ’g ainmeachadh earrainn dheth òraid a labhradh ann an cruinneachadh follaiseach ’bh’ ann an Lunnuinn ’s a bhliadna 1870:— “B’ e àireamh sluaigh New Zealand anns a bhliadhn’ 1867, dà cheud mìle ’s a h-ochd deug, ’s tha ann a nis dà cheud ’us dà fhichead mìle. Toiseach an Earraich an uiridh bha sèa ceud ’us ceithir fichead mìle ’s a seachd a dh-acairean fearainn fo bhàrr, agus tha aig na sealbhadairean naoi muillion caora, trì cheud mìle ceann cruidh, ’us trì fichead mìl’ ’us a cuig a dh-eich. Tha sèa ceud inneal no muillean bualaidh aca, seachd ceud inneal buana, dusan crann-treabhaidh toite, agus ochd ar fhichead cliath-chliata toite. Tha iad a deanamh ceithir muillion punnd ime, agus muillion ’us trì cheud mìle punnd chàise, ’s a’ bhliadhna. Tha na bheil iad a’ cur thar cuan a dh-òr a’ tigh ’n gu dà mhuillion gu leth punnd Sasunnach, a chlòimh, muillion gu leth, agus a bhathar eile, leth muillion. ’N uair bheirear fainear gum beil gach ni dhiubh sud air a chur a làthair le dà cheud ’us dà fhichead mìle pearsa, tha e rud-eiginn do-chreidsinn, agus ’n a aobhar mòr dhòchais mu ’n tìr.” [TD 29] Gun teagamh tha gach bathar dhiubh sud mòran ni ’s pailte ’nis agus faodair an ni ceudna ’ràdh mu àireamh an t-sluaigh. Os bàrr, thuirt Carl Ritter, cruinn’ eòlaich’ iomraideach, cho tràth ris a’ bhliadhn’ 1842, ann an cainnt dhealasaich, “Tha e gle choltach gum beil New Zealand air a sònrachadh roimh gach dùthaich eile gu bhi ’n a màthair chinneach riaghailteach. Tha còmhnardan torach agus air an deagh uisgeachadh ’an sin, a’ feitheamh ’n fhir àitichidh oidheirpich; tha ’fearann ùr air an cuir e suas a dhachaidh, ’n a thalamh air a bheannachadh le àileadh tlusail, air chor ’s nach ’eil aig ach còmhrag ris an dìthreabh ’s buadhachadh oirre, gu tional toradh neo-fhàillineach a shaothair.” Faodair aithris mar an ceudna o leabhar a sgriobh Ferdinand von Hochstetter, sgoilear ro ainmeal Gearmailteach, ’s a bhliadhn’ 1867. Thubhair e, “Tha New Zealand a’ giùlan a choslais a ’s mò ris an dùthaich mhàthaireil,* le ’shuidheachadh eileanach, ’àileadh ’us ’uir, a chruth ’s a chumadh. Tha e ’n a laidhe dh’ ionnsuidh mòr-thìr Australia, mar tha Breatuinn a dh-ionnsuidh na Roinn Eorpa. Air a bheannachadh le àileadh fairgeach, ciùin, a tha cho freagarrach do dh-fhineachan Alb’ ’us Shasuinn, &c.; le talamh torach air a dheagh uisgeachadh, agus anabarrach iomchuidh air son treabhaidh ’s tuathanais—le oirthir ioma-ghnèitheach a tha iomlan freagarrach ri beachdan ’us cleachdaidhean priomh mharaichean an t-saoghail; tha e ’n a thìr gun ainmhidhean cunnartach, gun luibhean nimheil, ach beartach ann an ionmhas mhèinn; tìr far an cinnich eich, buar, agus caoraich, ’s far am fàs measan, siol, agus buntàta gu pailt; tìr air a sgeadachadh le uile thaitneasan agus dhreachan dealbh-choslas greadhnach agus nàdurra; tìr a tha comasach gu leòr air dà mhuillion deug sluaigh ’chumail suas—a tha gealltuinn do ’n fhear-imrich mhisneachail, agus oidheirpeach, àm ri teachd a bhios tarbhach agus dealrach—tìr, a réir coltais, a chaidh shònrachadh, roimh gach dùthaich eile, gu bhi ’n a ghineadair chinneach rianail.” * Breatuinn. “FEARANN MATH, FEARANN SHRUTHAN UISGEACHA, THOBRAICHEAN AGUS DHOIMHNEACHDAN, A’ THA ’G ÉIRIDH SUAS AIR FEADH GHLEANN AGUS AIR FEADH BHEANN: FEARANN CRUITHNEACHD AGUS EÒRNA, AGUS FHIONAINEAN, AGUS CHRAOBHAN FÌGIS, AGUS PHOMGRANAT: FEARANN OLADH NA CRAOIBH- [TD 30] OLAIDH, AGUS MEALA: FEARANN ANNS AN ITH THU ARAN GUN GHAINNE; CHA BHI UIREASBHUIDH NI SAM BITH ORT: FEARANN AIG AM BEIL A CHLACHAN ’N AN IARUNN, AGUS AS A BHEANNTAIBH CLADHAICHEAR UMHA.” O ’n chuireadh an leabhran so ’an litir clòdh, fhuaradh a’ litir a leanas o fhear-ionaid na Flaitheachd, ’an Lochaillse:— LOCHAILLSE, 30 Màrt, 1872. A Shàir Urramaich agus Ionmhuinn, Tha mòr thaitneas orm innse dhut gum beil litrichean a nis air teachd o gach làn neach dheth ’n luchd-imrich a chuir sinn an uiridh o ’n àite so gu ruig New Zealand, agus gum beil iad uil’ a’ còrdadh ann an comh-dhaingneachadh gach tuairisgeul fàbharach a thug thu dhuinn ’n a d’ òraidean ciatach air an dùthaich sin. Shaoileadh tu gu robh na sgriobhadairean àrd-aoibhneach ’n uair bha iad ag aithris mòr àilleachd na tìre, iomadalachd a thoraidhean, fallaineachd ’àilidh, tarbhachd a thalmhainn, agus a fhreagarrachd air son cinneis gach seòrsa sìl, freumh agus meas’ a tha taitneach agus beathachail, cho math ri beairtichead ’ionaltraidh tharbhaich air son àraich gach gnè bhuair ’us chaorach. Tha iad a’ labhairt gu mòr mu cho pailt ’s a tha iasg ’us eòin air ’oirthirean; a chluaintean gòrm, a choilltean rioghail, agus a bheanntan stacach, a cur ’n an cuimhne na dùthcha mhàthaireil,—a mhàin nach ’eil cuspairean agus seallaidhean nàdurra na tìre ’dh’ fhàg iad ach meanbh-dhealbhan ann an coimeas riu sin a th’ anns an tìr a roghnuich iad. Cho-dhùininn o ’n tha iad ag aithris, gur beag nach builicheadh New Zealand na h-uile ni feumail air son tigh ’n beò ann am pailteas ’s an toileachadh, ’s nach robh an t-àileadh riamh gu mi-shuaimhneach teth, no aig uair air bith gu mi-thaitneach fuar ann. Tha mi ’làn chreidsinn o na tuairisgeulan ’thugadh seachad, gu-n cuir ceudan an céill fathast an taingealachd gu-n tainig tu riamh chum nan Garbh-chrioch. Tha iadsan a dh-fhalbh uainn mar thà ag ràdh gum biodh an sonas iomlan na ’m biodh an càirdean maille riu far am beil mòr iarraidh air làmhan togarrach, deagh thuarasdalan, ’ùs lòn saor ’us pailt. Is mi, &c., F. D. MAC-DHOMHNUILL. An t-Urr: P. Barclay, ’N Dunéideann. [TD 31] Pàirt dheth litir a fhuaradh o cheann ghoirid ann a’ Lochaills’ á New Zealand. BÀGH HAWKES, AN NEW ZEALAND, an dara là deug deth cheud mhios a Gheamhraidh, 1871. A Shàir Ionmhuinn, Tha mi ’sgriobhadh na litreach so gu innse dhut gum beil sinn uile slàn. Sgriobhainn do d’ ionnsuidh ni bu luaithe, ach bha mi ’fantuinn gus am faicinn cia mar a chòrdadh an dùthaich so rium. Faodaidh mi ’nis innseadh dhut gu-n thionndaidh mi mo chùl ris a’ bhochduinn an là dh’ fhàg mi L——. Cha robh euslainte sam bith ’s an luing ré ’n turuis—gaoth fhàbharach fad an aiseig, ach ceithir no cuig a làithean nach do choisinn sinn a bheag le droch aimsir—ceithir fichead là ’s a ceithir o fhearann gu fearann. Bha aon nighean deug thar fhichead air bòrd, ’s cha luaithe ’ràinig sinn Napier na fhuair iad maighistirean, oir bha farraid gu leò orra. Phòs cuid dhiubh ’n ceann ceithir latha deug an deigh teachd air tìr. Ghabh mi féin muinntireas fad bliadhn’ aig duin’ uasal a tha mu leth-cheud mìle mach air an dùthaich. Tha mi ’faotainn leth-cheud punnd Sasunnach ’s a dhà, le taigh ’us teine ’s lòn; tha mo bhean a’ faighinn fichead punnd Sasunnach air son nigheadaireachd, agus tha deich puinnd fhichead Shasunnach aig a ghiullan Uilleam mo mhac, air son a bhi ’n a charbadair: tha sin ceud punnd Sasunnach ’s a dhà th’ againn ’s a bhliadhna, maille ri ar beathachadh; ach tha Uilleam a’ fuireach ’s an taigh mhòr. Fhuair Niall ’us Donnachadh àitean am muigh air an dùthaich. Tha na boirionnaich a thàinig á Lochaills’ ann a’ seirbhisean gle mhath. Tha cuig mìle deug caora, ceud mart bainne, ceud each, a thuilleadh air spréidh eil’ air an fhearann air am beil mise. Tha i so ’n a dùthaich ro àillidh, thlusail agus bhlàth. Tha cothroman grinn’ aig daoin’ òg’ air airgiod a dheanamh na ’n cumadh iad o dhibh làidir, a tha gle dhaor ’an so. Tha lòn m’ an cuairt do ’n aon phrìs ’s a tha e aig an taigh, a mháin gum faighear ceathramh muilt-fheola air son sea sgilinn air uairibh, no faodaidh e bhi sgillinn am punnd. Tha mi ’faighinn caora h-uile seachduin, dà chlach phlùir, cuig unnsachan tì, trì puinnd shiùcair, agus pailteas buntàta ’s bainne. Tha mi gle dhuilich, nach tàinig mi ’n dùthaich so ’n uair bha mi ’n am dhuin’ òg, agus tha mi ’n dòchas gu-n comhairlich thu do chuid deth m’ chàirdean a thighinn a nall gun dàil. [TD 32] ’N uair ’bhios mo thìm suas, cuiridh mi airgiod thugad gus am pàidh thu na fiachan a th’ orm thall. Tha mi ’n dòchas gu-n sgriobh thu thugam cho luath ’s agheibh thu ’n litir so. Tha mi’ comh-dhùnadh le mo dheagh rùn dhut. A. B. LORIMER AND GILLIES, PRINTERS, CLYDE STREET, EDINBURGH.