[TD 1] DAIN AGUS ORAIN, LE DOMHNULL MACLEOID, ’S AN EILEAN SGIATHANACH. GLASCHO: G. MAC-NA-CEARDADH, 62 SRAID EARRAGHAIDHEIL. 1871. [TD 2] [Bàn] [TD 3] RANN DO DH’ EILDEIREAN AN LOIN MHOIR. Ged ’tha ùpraidean an t-saoghail A’ cumail dhaoin’ air bheagan tàmha, Cha ’n urrainn mi gun bhi smaointinn Air na laoisg a chaill an nàire. Eildeirean dubh an Loin Mhòir Nach d’ fhuair eòlas air an àithne: Bhi ’n an suidhe an cathair bìnn, An aghaidh muinntir a fhuair tàlannt. ’S fìor choltach iad ris na h-òighean ’Thàinig le’n cleòchdanan àluinn, A’n coinneamh an Fhir nuadh phòsda Co bu spòrsaile na iadsan. ’N uair thàinig feum air na lòchrain Bha iad dòlum agus tràighte. ’S fhuair iadsan taobh ’muigh na còmhla, Far ’m bi seòrsa dheth ’m bheil iadsan. C’ àit’ an d’ fhuair iad ’n an dall-eòlas, A ghuite ’bha ’n dòrn Rìgh na Slàinte, Bhi ’g a tarruing as a mheòrean Gus na gobhraibh a bha ’nn àireamh. An Ierico ge b’ ionad mòr e, Cha robh cho feòlmhor ri Ràhab, Ach fhuair i sealladh air an tròcair, Nach d’ fhuair na slòigh a bha g’a càineadh. [TD 4] ’S iad na Phàrisich da rìreamh, A ghlanas taobh clì meis’ spàine, A chagnas a chuileag a’s fhaoine, ’S a shluigeas le ’ghaoisid an Càmal. Cha chuala ’n cuairt mo thìom mi, An cliù ga innse an tigh a nàbuidh, Ach cho gionach ris an uaigh, Gu liùgach fuar ma gheibh iad fàth ort. B’ e ’n càs an t-òganach uasal, ’Tha air a chuartachadh le’n clàbar; Iad a’ solar dheth gach tuaileas, Cumail bruaillean anns gach fárdach. Ach na ’m biodh esan cho mion-eòlach ’Sa tha mis’ air fòtasan pàirt dhiubh, Cha ’n ann bho litrichibh Phòil, A fhuair iad còir a bhi ’san àireamh. Ged tha Oilthighean Dhuinéidin, A’ rannsachadh geur anns gach cànain, Cha d’ fhuair iad air feadh an leubhaidh, Mar fhuair greugaich Cheann-an-t-Sàile. Eli ge b’ ionnsaichte geur e, Seall am beum a thug e ’Hanah, Ach cha ’n ’eil aca-san de thùr Ach leantuinn cùrsaichean Bhalàam. Ged a tha ’n t-sail ann ar sùilean, Chì sibh an smùirnein ’tha ’n càch leò, Cha d’ thug sibh an aire do ’n chuilbheart, A thionndaidh gu brùideil air Hàman. Shuidhich e croich ann an caonnaig, Gu bàs aognuidh Mhordecài. Ach thàinig a’ chasaid gu bròn dha:— Chrochadh air sgòrnan ’na àit’ e. Tháinig a chàirdean gu Iob, ’N uair chual’ iad a dhòrainn ’s a chàsan Bha iad a’ sealltuinn an dìlseachd, ’Mìneachadh dha, ni ’thug plàigh air. [TD 5] B’ àill leò e dh’ àicheadh na fìrinn, ’S strìochdadh do na theireadh iadsan: ’S beag nach do leag iad a’ fìrean, Cho ìosal ’s a dheanadh Sàtan. ’S eagal leam gu faic mi ’n t-uamhas, ’Bheir sibh a nuas air a cheàrn so, An leanabh a bheannaich an t-Uan, A’ cumail uaith’ ni ’chaidh àithne dha: Baisteadh ann an ainm na Trianaid, Bho làithean cian Abrahàim. Cha b’ fhiosrach mis’ air a dhiùltadh, Le Abstol ùngte na Fàidh. Tha sibh ’n ar caithris aig Iòrdan, ’Cumail an óigridh á Pàros; Cha leig sibh leanabh gu Eòin A chum a phòsadh ris an t-Slànuighear. Tha co-samhlachd a mhic stròidheil, A’ sealltainn dhomhsa mar a tha sibh: Cha téid sibh a steach do ’n t-seòmar, ’Chionn gu ’n d’ tugadh beò ar bràthair. Ma gheibh thu drama bho dhuin’ uasal, Tha thu ’n uair sin air do mhàbadh: Ma chuir thu car na do ghuailean A’ sealltuinn bh’ uait le feithe ghàire, Bheir Iain Macalastir suas thu, Leubh thu ’n Cuairtear air an t-sàbaid; Fuiling a nis do bhinn, Bho Chalum seang ’s bho Eoghan tàillear. Dh’ fhoighnich mi ’dh’ fhear dhiubh le ciùine, Am faigh thu ’m bùrn dhomh air mo pháisdean, ’S fhreagair e mi gu leth ghrùgach, “Cha ’n ’eil thu iompaichte dhà sin.” Ach theirig do Thotaig ’s do Shiadar, ’S gu Aonghas ciar anns an Fhàsach: Ma bheir a’ mhuinntir sin gnùis dhuit Gheibh thu do chùisean gu t-àilleas. [TD 6] Feuchaidh tu smiorail ri Ruairidh, Gu ’n toir e suas dhuit a bhòta, Saoilidh mi gu faigh thu suairce, ’N duin’ uasal sin Maighstir Nòble. “Cha bu mhath leam a bhi cruaidh ort, Bheir thu cuairt dhomh ’bhuain na mòna, ’S theid mise gu uchd mo dhìchill, ’N uair a bhios na dìslean còmhla.” Ciod e tha dalladh an aodhair, A tha ’g aontachadh le sgleòthan, ’S gu ’m faic thu greann air an aogasg, Mar gu ’m biodh an t-aog ’g am pògadh. Cha ’n fhaigh thu ’chaoimhneas ’n an aodan, Na bheir taobh an rathad mhòir dhuit; Ach mo bheanneachd ’bhi ’n ar n-aodach, Ged nach toir sibh gaol do ’m chòmhradh. DAN DO ’N GHREIN. A ghrian a shiubhlas cian mu’n cuairt, Nach leig thu ’nuas thugam do sgeul, Co ’n Triath thug dhuit do chasan luath? No ’m bheil do bhuaidh agad uait féin? Gun chaochladh mionaid air do shnuadh, O’n cheud là ’ghluais thu ’n cluain nan speur, Gun aois, gun tinneas, no gun suain, A’ cur gnè smuairean air do sgèimh. Cuig mìle bliadhn’ ’us ciadan còrr. O’ fhuair thu eòlas air do chùrs’; Cha ’n eòl do neach air bith do lòn, Ach lionta beò fa chomhair gach sùl. O’s cian o chuireadh umad còt’, ’S cha b’ann do chlòimh no sheòrs’ á bùth, Ach fìnealt’, inealt’ ann an glòir, ’S an fhion-lios pòsd’ le òrdugh triùir. [TD 7] ’S an àm ’san robh Mac Rìgh nan Rìgh, A fulang dìteadh ’o na h-Iùdhaich, Bha mòran do na naoimh ag inns’ Gu’n tug thu fianuis anns an tùrn. Mu ’s ann le tìoma fo phian, No air iarraidh o’n àird chuairt; Chuireadh do ghilead fo shian, ’S chum thu ruinne cian do chùl. Ach ’s ioghnadh leam ’n uair bha do phrionns’ A’ call a lùth air an t-sail-ghairbh: A cheann fo sgitheach sìos a’ lùbadh, Is ’fhuil a’ brùchdadh le ’n cuid arm. Nach tug thu sìtheadh ’g an ionnsuidh, Le ’àr brùite a dh’ inneal mairbh, A thionndaidh an cridheachan brùideal, O’n cùis shùgraidh gu gal searbh. Ach freagair mi le briathribh tlàth, Ged tha thu àrd os mo cheann, O’s sinn obair nan aon làmh, Na gabh tamailt ri mo sheilm. Bu mhiann le m’ anam ’s le m’ chàil, Gu ’m biodh do chànain dhomh soirbh. An deanar do philleadh ’o t-àbhaist? No ’n lean thu gu bràth do ghairm. (Freagradh na Greine.) Cuig mìl’ bliadhn’ ’us ochd ceud deug, Thug mis’ a’ riaghladh fo nèamh, A’ toirt an cuibhrionn do gach reult, ’S do’n ghealaich mo chléireach sèamh. Cha ’n ’eil fiosa’m air mo chrìoch, ’O nach bu leam féin mo thréine, ’S diomhaireachd sin aig na Trì, Nach gabh inns’ ach uaith féin. [TD 8] B’ ioghnadh leat mi dh’ fhuireach balbh, ’N uair bha farbhas air an t-sliabh, Ach bha na h-aingle guineach garg, A’ togairt falbh gu sin a dhiol; Ach Ios’ a bha ris a’ chrann, Ghuidh gu teann ’na mhòr chiall, Athair! na caith iad do Thòphat, Dìon luchd mo Thòrachds’ o phian. Ciamar a cheilinn-se bròn, Esan ’chuir glòir na mo ghruaidh. Bhi ’faicinn bhi ’srachdadh fheòla, Is uilt a mheòir fo’n òrd chruaidh. Na’m bìthte air caismeachd thoirt dòmhs’ Gu gleachd an còmhraig an Uain, Bhiodh iad an lasraichean Shòdoim; Ach chum tròcair sin uath. Ceud mìle muillion mìl’ uair, Chuir mise cuairt os ar ceann, ’S aithne dhomh ìosal ’us àrd, O’n fhuair mi ’n tàlann on Rìgh:— ’N uair chuireadh an t-suain air Adhamh, Bha mi ’s a ghàradh, ’n an cainnt, Bha e mar mise air an là sin, Gu’n d’ thug e bàs air a’ chloinn. O! ’nis eisdibh-se na thràth, O ’n tha ’m bàs a’ tarruing teann— Dùinear uinneagan na h-àirc’, ’S théid brat scàrlaid air mo cheanns’. An t-ùmaidh ’bha ’goil ann an àrdan, ’S a bha ’sàruchadh nam fann, Dùinear ’s a’ ghoil e ’s cò ’chàirdean A sheasas ’na àit’ ’s an fhang. Sibhse a gheibh an sealladh uamhais, ’Ur Dé, ’ur cruachan, ’s ur sprèidh, Bhi ’nan lasraichean mu ’n cuairt duibh, Gàir a’ chuain is stràchdadh speur. [TD 9] Raontaichean arain luchd-uabhair, ’S iad ’nan luathaidh troimh chéil’; Mur bi earradh geal an Uain ort, Tuilleadh fuasglaidh cha dean feum. Cuimhnich a bhith-bhuantachd mhòr,— Cuimhnich mar tha Pòl ag innis’,— Cuimhnich air t-anam ’bhios beò, Ma ’s ann an dòruinn no’n sìth,— Cuimhnich air an fhuil ’chaidh dhòrtadh, Bhiodh naoidhean òg air a’ chìch, A’ dìobairt gach gionach, ’us fòirneart, ’S dìreadh riu do shòlas, “slàn leibh.” DAN DO ’N GHEALAICH. O! ’ghealach ’tha ’siubhal nan speur, ’S truagh nach robh do cheum air làr, Gu ’m beachdaichinn le mo shùil, Mar tha do chùrsa gun tàmh. Théid thu ’na do dhà-bhloidh-dheug, ’S an ceann gach mìos bithidh tu slàn:— Am bheil thu pòsda ris a’ chuan, ’Us sibh a’ gluasad ’s an aon ghnàths? B’ fhear leam gu ’n cluinninn do sgeul, O’n réidhlean ’s am bheil thu d’ thàmh, ’M bheil cothrom labhairt a’d’ bheul? No ’n cuir na reultan ort fàilt? Am bheil thu ’n comunn ris a’ ghréin, ’Us sibh le chéil’ air an aon t-sràid, Cuir ormsa comain le dìlseachd, Ag innse mu ni ’tha gu h-àrd. (Freagradh na Gealaich.) ’S maith leam ’ur faicinn air ghluasad A mach as ’ur n-uamhaichean bàsmhor; A ni sin ’chuir thu gu m’ chluasan, Cha ’n fhaigh thu suas ris le tàlann. [TD 10] Cha ’n ’eil aingeal ’s an àrd chùirt, A dhinnseas duit a’ chùis a dh’ àithn’ thu, ’N diomhaireachd a th’ aig an triùir, A dh’ fhairslich le iùil air Rìgh Daibhidh. Tha sinne le clàrsaichean doimein, A’ seinn le oibhneas nach tràigh oirnn; Air geugan seilich nan staingean, Cha chroch sinn le ’r làimh an àird iad. Ri cur urraim air an Trianaid, Os fianuisean sinn ’o Adhamh, Nach ’eil annaibhse do dhìlseachd, Ach ’losgadh ìobairtean gràineil. Rinn sibh an altair ’n a strìopaich, ’S chuir sibh spìd air teine Bhàlaaim, Cha dean ’ur n-osnaidhean cealgach, Ach ’ur tearbadh gu ’ur nàmhaid. ’Ga d’ thogail féin a’ d’ fhìrean, ’S a’ sealltuinn sìos air do bhràthair, ’S nam faigheadh tu t’ uile mhiann dha Bhacadh tu Criosd a thoirt bàigh dha. Cha b’ ann le altrumas sìthe, ’Bha thu ’strì ri cloinn do mhàthar, Cha robh do bhasan ’gan slìobadh, Gu ’n toirt fo dhìdein do ’n àirc. Ach ’gan teannachadh ’s na h-ìosail, ’N uair a bha ’n dìle gu bàrcadh, Le do chlàidheamh sgrothach meirgeach, ’Gan iomain gu seirbhis Shàtain. Innsidh tu le teanga leòmaich, A chòir a th’ agad air Pàrros, ’S do chridhe nimheal an Sòdom, Solar ghòisneachan dha d’ bhràthair. Dhùineadh tu dorus na tròcair, Na ’m faigheadh t’òrduchadh àite: O mìorbhuil fhollaiseach Iehòbhah, Mur e Tòphat do thom tàmha! [TD 11] Beachdaich air an ionad shòlais, ’S am bheil na còmhlanan sàbhailt’,— Beachdaich air an ionad bhrònach, ’S am bi còmhnuidh an luchd àicheadh. Meas an talamh mar an ceò, Ged bhiodh an Roinn-Eòrp’ a’ toirt màil duit:— Treig do pheacaidhean le deòiraibh, Ag éisdeachd Rìgh Solamh ’na dhànaibh. DAN A BHREITHANAIS. Eisdibh uile shluagh na cruinne, An sealladh a bhuilich mo thàmh orm, Dh’ fhosgladh na speuran ’s an ear,— Mar choslas doruis ’bhiodh air stàpull; A dhà-dheug do dh’ eachaibh geala, Leum mar dhealanach gu làr iad, Is trùpair ’n a shuidh’ air gach fear dhiubh, Am faileas an earraidhean sgàrlaid. Bha sliabh ar leam àrd ’us corrach, Corr ’chraobh thomadach do Alum: Smuainntich mi sliabh nan crann-ola— Bha e coslach ris an àit ud. Thàinig aon le sgiathaibh iolair; ’S dh’ eubh e air mullach an fhàiruidh, ’Ruith an aont’ a bh’ aig an talamh: Seid an fhalaisg ’s na gabh bàigh ris.’ Doirtibh an fhuil air gach bealeach, Cuiribh cabhag air gach nàmhaid, Gu bhi ’n amhaichean a chéile, ’S na gabh déistinn anns an àraich. Mar a dh’ innseadh leis an diadhair, Thig Gog gu h-iargalt gu Màgog, Chuir tuillidh cudthroim ’s an t-slabhruidh, ’Cheanglar gu teann air an t-Sàtan. [TD 12] Ruithibh air na ceithrir ghaothaibh, Seulaichibh luchd gaoil an t-Slànuighear, Seulaichibh gach uile ghlùn, Nach robh g’ an lùbadh dha na Dàgoin, ’N nair a sheideas mis an trompaid, Le ughdarras o na h-àrdaibh, Cha ’n fhaicear tuillidh mu chùbaid, Luchd iùil gun sùilean gun ghràsan. Iompair’ ’bha ’rioghladh air rìoghachd, Tha crùn rìoghail ort an tràths’, Ach ’s goirid gum bi thu ’s an òtraich, Nach fuiling sròn bhi ’n a ’d’ àileadh. Buailear do ghlùinnibh r’a cheile, Mar dh’ éirich do Bheltesasar, ’S cha ’n aithnichear leat an làmh-sgrìobha, Bheir air mhìreannach do ’n bhàs thu. Tha Mellenium Iehòbha, ’Dol a thòiseachadh an tràth so, ’S cha b’e sin an sealladh sòlais, Do ghionadair ròiceil an àrdain, Dhith sibh an talamh ’s an t’ògradh, ’Thog sibh ’ur srònaibh mar Bhabeil, Reic thu t-anam air son t’ fheola, ’S thiodhlaic thu fo ’n chòir an tàlann. ’Bheil thu crìothnachadh le deuchainn, Roimh thairneanach fiadhaich Shinài, Nach ’eil an talamh ’n a fhianuis Gu ’n robh thu riamh a d fhear àicheadh. ’S aithne do ’n ghealaich ’s do ’n ghréin thu, Gu’n robh do dheantas mar Chàin, A lionadh gach bealach a dheanadh, Barrachd riaslaidh dha do bhràthair. Ràinig a’ ghaoir cùirt nam flaitheas, Daoin’ agus mnathan ’us pàistean, Ga’ spùilleadh ’s a’ rùsgadh nan tighean, ’Cur am beatha an iomadh gàbhadh. [TD 13] Ahab ’n uair thàinig a ghionach, Gu caraibh a chur ma Nàbot, Dh’ òl na brùidean a chuid fala, ’S chaidh anam do ’n teallach bhàsmhor. Thruaill sibh an teampull ’s an altair, Rinn sibh stàirsneach dheth na fàintean, Cha d’ thug sibh aoidheachd do ’n mhac, Is phrann sibh an leac an robh àintean. Ghabh sibh an saoghal ’n ar glacaibh, Thug sibh ’ur tlachd is ’ur gràdh dha, Dionaibh e nis bho ’n lasair, Chaill sibh a thaic mar rinn Dàtan. An seall thu air bratach an lagha, Ri crann soilleir aig a’ bhàs, Na miltean eug a’ falbh ’n a chomunn, ’S e ’g iarraidh na ’s urrainn e tharsain, Ma gheibh e thu gun an t-urras, Cha ’n ’eil tuillidh gus a ràdhtinn, Se Tòphat mhòr do dhearbh innis, As nach tillear le cion àit’ thu. Séidibh air réillean nam planet, Rollaibh gu mean do aon àit’ iad, Buinnibh sèamh ri gréin ’s ri geallaich, Rinn iad gach car a chaidh àithn’ doibh. Cuir brat ùmp’ a chumas glan iad, Gum faic iad sealladh a’ bhlàir ud, ’N uair ghoileas an fhairge mu ’n talamh, ’N àm ’bhi ’teannachadh a nàmhaid. C’ àit a nis am bheil na h-eachaibh, Air na mharcaich sibh gu stàtail, Smaointinn gu ’m bu leibh an talamh, ’S cìsean ’ur calla dhuibh pàight’ ann. Nithear a nis do ghearadh ’O gach malairt a rinn àrd thu, Dh’ ionnsuidh dùragan a ghrunna, Gun chiùil gun sùilean ri càirdean. [TD 14] Bheireadh sibh Dia fàr na cathrach, Na ’n deanadh nimh agus làmh e, Chuireadh sibh fàinnean ’ur corag ’S an laogh mhallaicht’ a rinn Aaron. On b’e Barabas ’ur raoghain, Bithidh sibh gun leaghadh na nàbachd, Anns an ionad sin an cual thu, ’M bi a dhuais aig an fhuar chràbhadh. Bu tric a sheirmeadh ann ad chluasan, ’N t-uamhas ’thig ort an là ud, Ach chaidil thu ’n creithlichean suaine, Ardan is uabhar ga d’ thàladh. Cha d’ rinn thu do theanga a ghluasad, Mu fhuil luachmhor an Uain chàisg, Ach sluigear an diugh ’s a mhuir-ruaidh thu, ’S feuch ri d’ uaill an cum i ’n àird thu. DAN DO ’N UAIGH. Nach lionmhor m’ aobharan dhuit uaigh, A shluig mo chàirdean fo do bhruaich, Gu ’n dùil ri aon diubh fhaicinn uait, No fàisneachd mu ’n déibhinn. Ciod e mar tha do chàileachd stòld’, ’S co-ionnan leat an t-aosd ’s an t-òg, ’S is aibhneach leat an tuireadh bròin, Seach clàrsaichean theud. Nach truagh leat pàrantan a ghaoil, An cluasag fàs ’s an àlach maoth, ’Ga fhàgal fàsail air an raoin, ’S gun aon ann gun téid, An leanamh tlàth ’s e rànaich cìch, An cum thu Mhàthair fo do chuing, Gun tighinn a thàladh laodh a cuim. A h-aoibhneas na céill. [TD 15] (Freagradh na h-uaigh.) Nach ioghnadh thu bhi ’n cùil o Dhia, ’S an spiorad iùil na chunradh fial, Gu fradharc iùil thoirt do na dh’ iarr, Gun fhàillin gun sgìos. ’N tug mise a’ mhàthair ’o do chloinn, No ’n tug mi ’companach o’ mhnaoi, ’S e ’m bàs mo nàbuidh chuir an làimh, Gach aon tha fo mo chléith. Mur beilean mìn thu gu duin’ ùr, Cha deitheadh do dhìreadh do ’n àrd chùirt, ’S theid t-eallach sgìth a chur air cùl, Na m’ chùiltibh gu leus. Ciod e chuir fiamh agad roimh ’n uaigh. ’S le Criosd Dhia gach uile bhuaidh, An t-aon is mearanta dheth t-shluagh, Cha d’ fhuair mi dhomh féin. Bha dùil a’m uair dha ’n robh mo thìom, Gun deanainn uaill air son mo chìs, Ach mhill an t-Uan mi leis an ìobairt, ’S chaidh mo chlìd o fheum. ’N uair fhuair mi gream air mac an rìgh, Sa shaoil mi fuireach air a dhruim, ’Sa cheathramh oidhche bha mi cuiteas, ’M oighreachd gu léir. ’S a nis o’n uair sin ’se mo cheird, Gu ’m bi mo chluasan ris an àird, Gu cluinntinn trompaidean a’ bhlàir, ’N teid Sàtan an éis. O ’s mise féin nach ’eil am thàmh, A’ cumail cruinn gach cas is làmh, Gun dean mi ’n cùnntas mar tha m’ àithn’, Air Calbhari Dhé. ’N uair thig na h-ainglean ann a’n glòir, A thogail Israel gu mòd, Cha bhi Abiram agus Còrah, Còmhla ris an treubh. [TD 16] Oir théid gach daoi ’n a chuibhreach bròin, A chumail cuingeil anns an fhòd, Gum faigh na fìreanaich an còir, Air sòlas na nèamh. Ach nàimhdean Ios’ bhreab an sàil, A togail fianuis le Caiàphas, Théid an dìteadh air Sinai, ’S cràiteach an sgeul. O sin a’ bheinn fo ’m bi a’ ghàir, Fo lannan aoig an dara bàis, Ga ’n toirt na ’m braighdeanaich gu bràth, Fo phràisich na péin. ORAN DO THULLAICH GHLAIS RIS AN ABRAR “TUNGAG.” ’S mi ’tighinn roimh challa thungag ’S an drùchd air a badanan, Bu bhirealtach na ciùil ’Tighinn siùbhlach roimh’ feadanaibh. Cha b’ ann deth fasan gu ’m biodh tachdadh, Ann an taic am feadaireachd, Cha bheachdaicheadh do ’n còmhradh, Nach deònaicheadh freagairt doibh. Ge b’ fhileanta na sgòrnain Air còmhradh ’s air ceilearadh, Bu sgileale na meòirean, Air spògan a speireachan. Le breabadh chas air uillinn chàis, Na meangan altach, fhulaingeach, Mu ’n eadradh air am bòrdaibh, Ag òl fàr nan duilleagan. Tha iomadaidh air dòirteadh, Do sheòrsaichean iongantach, Gu biolairean an òlaich, O bhòchdain na firichean. [TD 17] Le bùirich dhos a’m bun a’ phreas, Do ’n togair freagradh rifheidean, Ri bileanaibh a leòidean, Gu còmhlanach, mileagach. Bha luinneag air an smeòraich, Ri scròban nan clifeanan, ’Si spioladh fàr an fheòirnean, Dheth ’lòn mar a shireas i. Tha ’m biadh ’s an deoch gun fhàilin gorta, Ma na tobair iomasglach. Tha seinn iad air na h-òrgain, Gach sòlas a chinnich dhoibh. Tha ’n coileach air a chòmhdach, Le còta do iomad dath, Le choilearau air òradh, Gu roinneagach, ruinneagach. A’ tighinn a mach o bhun a stachd, Gu suchdach, frachdach, furachair, Le chìrean dearg’ tha ròsach, ’S le bhòtainean fionna-gheal. Bha leannan banail pòsda, Gu còmhraideach, furanach, Ri mealladh gean a ghògain, Gu h-òslaineach binnfhaclach. A’ falach fead ma ghur a neid, ’S a’ cogar eadar fhilleanan, Le spiorad mire is òige, Gu sòlasach suilleanach. Cha salaich fear na cròichde, A bhròg air a bhioraichead, ’S an fhallaing channaich mhògaich, An ròidean a h-innisean, Do fhallas culaidh bainneach cuilidh, Meallach, duilleach, binneagach, Gu bearrach, daileach, ceòach, Gu loinneagach, slinneanach. [TD 18] Tha ghealag leumneach, earrchaol, Gu balbh anns na glumagan, ’S a lainnir air a ghainmhean, Gu h-airgiodach, culagach. ’S i ’snapadh guib ’s a ’snapadh chuip, A ceapadh thuice chuileagan, Gu gemach, sailleach, mealgach, Gu garbhanach, cularach. Ged ’thilleadh air an t-samhradh, Bithidh Tungag gun uireasbhuidh, Ged ’shileas o na beanntaibh, Gach alltan nan tuileachan. Nan tonna bras a’ lomadh leac, A tunnadh shac gu linneachan, Roimh lìli soilleir ceann-dearg, Mar lainntear a turaman. ORAN AN UILLT-MHOIR. An deicheamh là do theas a mhàigh, Theich uam mo nàdur bròin, ’S mi ’m sheasamh làmh ri easan gàireach, ’Dearcadh blàth ’n uillt-mhòir. Mar thaisbean nàdur dreach is blàths, Bha ìnealt àillidh ’s ceòl, Gun teach gun bhàrr gun toic air làr, Ach feartan gràis mar lòn. ’N uair las a’ ghrian ’s a sgap a fiamh, Air dealta liath an fheòir, Cha ’n fhacas gnìomh le stailceadh mheur A sheasadh iall nan còir. Gach aon a mach air stlàtaig uaine, ’S map dheth duail ’na dhòrn, Bu sgaoilteach, taitneach, blast’, am fuaim, ’S an gaisd air ghluasad fòdh. [TD 19] Bha sud an danns’ air feadh a’ champ, ’Us dh’ fhàg an crann gun tòir, Le fasain ghallda suas mu ’n ceann, Air breacadh bhall do ’n òr. Mar shioda suaineadh ’s liobh an guailne. ’S mìn an gruag ’s an còt’, Air frìth nan cuach am pìoban suas Le fìdeag chruaidh am beòil. ’N glaic a h-òrgain ghlac an smeòrach, Alt air còmhradh theud, ’N uair phaisg i cleòca bhlàis i ’n tòs, Air drap do neòil nan speur. ’N taisg ri seòmar leapach còmhnaidh, Naisg i h-òran féin, Bu sgaiteach, meòrach àite cronnluaidh, ’S pailt dha h-òrgain spéis. Ri ruthadh ròs bu shubhach glòir, Na buidhinn òige ciùin, Bha ’Chuthag stòld’ an srath a cheò, ’Si ’seinn le ceòl gu-gùg. Air sgealba clifidh am bailcean beag, ’N glaisean eutrom luath, Le facail gheura ’s deatach ceura, Le aiteas ’g éisdeachd ciùil. Bha ’n cathadh cùrraidh ’sgapadh driùchd, A’ gabhail smùid mu ’n tom, ’S bha ’n dreathan caol donn am ball music, ’N aidhir cùirt nam fonn. ’S an Ròbin ruadh ga fhàsgadh cruaidh, A trod mu’n cuarti do ’n tom, Le frogan uasal stoban luaineach, Le sog ri luaidh a chiùil, Bha seillean strianach, fallain fialach, A’ tional fion d’a stòr, Air lili fiachainn tarruing fhiacail, A’ toinneamh chìoch mu ’shròin. [TD 20] Gu daingean, suairc a sheilear cruacht’, A’ feitheamh uair na pòit,’ Ma bhrathas fuath e ’s grathail ruaim, A’ chlaidheamh buailt’ ’n a dhòrn. CRIOCH. A. SINCLAIR, PRINTER, ARGYLE STREET, GLASGOW