[TD 1] FIRST GAELIC SERMON. ROMH. x. 8, 9. “————’Se sin focal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh, ma dh’ aidicheas tu le d’ bheul an Tighearn Iosa, agus ma chreideas tu ann do chridhe, gu ’n do thog Dia o na marbhaibh e, gu ’n saorar thu.” ANNS na briathra so, tha creidimh ann an Iosa Criosd, ann an diadhachd agus an aiseirigh an Tighearna Iosa, air a dheanamh aithnichte dhuinn mar am meadhon, trid am bheil ar n-anama air an saoradh o thoillteanas a pheacaidh, agus o’n fheirg a ta ri teachd. Ma dh’ aidicheas agus ma chreideas sinn gur h-e Iosa Criosd aon-ghin mhic Dhé, a thàinig a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a fhuair bàs agus a chaidh sìos do ionadaibh an dorchadais,—agus gu ’n do thog Dia e rìs o staid na marbh; tha an gealladh air a thoirt duinn, gu ’n saorar sinn. Ma bhios ar creidimh anns an fhirinn so dùrachdach agus treibhdhireach,—’na chreidimh beò agus fior, tarbhach agus buan, saorar sinn o chionta a’ pheacaidh, o fheirg Dhé, agus o phiantaibh ifrinn, agus o’n mhallachd sin a tha dol a mach an aghaidh luchd-deanamh an uilc, “an cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilghios inntinn.” Ma ghabhas sinn an fhirinn so a stigh do ar cridheachan mar an siol maith ann am fearann maith, cinnidh i agus freumhaichidh agus sgaoilidh i, agus bheir i mach toradh pailt agus siothchail na naomhachd, a ta criochnachadh anns a’ bheatha mhaireannaich. Cha ’n e mhàin anns na briathra so, ach anns gach earrann do’n Sgriobtur, tha’n fhirinn cheudna air a teagasg dhuinn. Is ann trid creidimh ann an Iosa Criosd a dh’fhirinnicheadh na naoimh fuidh an t-Sean Tiomnadh. Is i so an t-slàinte “a ta air a tairgse dhuinn gu saor anns an t-Soisgeul.” Is i so slighe na beatha a dh’fhosgladh dhuinn, air son an d’ fhuiling Criosd féin, a shearmonaich na h-Abstoil, arson an d’ oibricheadh miorbhuilean, agus an d’ fhuiling na naoimh geur-leanmhuinn. Bha i na h-amaideachd do na Cinnich, agus na h-aobhar oilbheum do na h-Iudhaich, ach do’n Chriosduidh a ta i, cha ’n ann mar amaideachd, ach mar ghliocas Dé a chum slàinte, cha ’n ann ’na h-aobhar oilbheum ach na h-aobhar uaill, na h-aobhar gàirdeachais agus molaidh. Is i an tobar o’m bheil a’ sruthadh an t-aoibhneas is motha ta e sealbhachadh sa bheatha so, agus is i stéidh gach dòchais a ta aige ri sonas agus fois an taobh thall do’n uaigh. Mar bitheadh Dia, ann na thròcair, air an fhirinn so a dheanamh aithnichte dhuinn, cha b’ urrainn dòchas a bhi againn ri flaitheanas—an sin bhiodh am mallachd, a chaidh a chur an géill an aghaidh eas-ùmhlachd tigh Israeil, fior a thaobh a’ chinne-daoine gu léir, “Bithidh do speuran a ta os do cheann mar phrais, agus an talamh a ta fodhad mar iarrunn.” Cha bhiodh taobh a thionndadhmaid ar sùil, nar déigh, romhainn, no os ar cionn, nach biodh corruich Dhé ri fhaicinn, cha bhiodh slighe gu dol as, agus bhitheamaid gun chomhfhurtachd agus gun dòchas anns an t-saoghal. Ach is ann an uair a bha an cinne daoine nan suidhe ann an dorchadas agus an sgàil a bhàis, a dh’ éirich grian na fireantachd le slàinte fuidh a sgiathaibh. Bha sinn aineolach agus truagh agus a’ tuisleachadh san dorchadas, gus an d’ thàinig an creidimh Criosduidh, mar an ùr-mhaduinn a’ dearsadh anns an àird-an-ear, a’ toirt a stigh solus agus blàths agus beatha nuadh. An sin bha ’n fhirinn so, tha air a teagasg anns na briathran f’ar comhair, a’ soillseachadh anns an t-saoghal mar sholus ann an àite dorcha. Tha i air a toirt duinn chum a bhi mar sholus do ar cosaibh agus mar lòchran d’ar ceumaibh, chum as gu’n saor sinn ar n-anama beò. Ma chuireas sinn cùl ri “ma ni sinn dimeas air slàinte co mòr,” buanachaidh sinn ann an cionta a’ pheacaidh, bithidh sinn fathast fuidh fheirg Dhé, agus bithidh ar crioch dheirionnach anns na piantaibh sin nach lasaichear a chaoidh. Ma chreideas sin iad, agus ma dhlùth-leanas sinn riu, treòrachaidh iad sinn gu slighe na sìth,—“’se sin focal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh, ma dh’aidicheas tu le d’ bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann do chridhe gu’n do thog Dia o na marbhaibh e, gu’n saorar thu.” A’ nochdadh, I. Bho na Sgriobtuiribh gur h-e creidimh ann an Iosa Criosd an aon t-slighe tre an tearnar sinn. II. Co ann a ta creidimh fior agus slainteil eadar-dhealaichte o’n chreidimh sin nach ’eil a chum slàinte. III. Na beannachdan a ta sruthadh o fhior-chreidimh, “gu’n saorar sinn.” I. Oidhirpichidh sinn air a nochdadh o’n Sgriobtur gu’m bheil beatha air a gealltainn dhoibh-san, agus dhoibh-san a mhàin, a ta creidsinn ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosd. [TD 2] Is i so an stéidh air am bheil teagasg nan Sgriobtur gu h-iomlan air a thogail, agus anns gach earrann deth tha i air a toirt f’ar comhair ann an samhladh, am fàistneachd, no am briathran dìreach. O’n cheud ghealladh sin, chaidh a thoirt mu’n deachaidh an talamh a mhallachadh arson peacadh ar ceud phàrandan, “gu’n tigeadh air siol na mnà na bhruthadh ceann na nathrach,” gus an rann mu dheireadh do’n Fhocal naomh, far am bheil e air a ràdh, “Gràs ar Tighearna Iosa Criosd gu robh maille ribh uile,” cha ’n ’eil ni sam bith eile air a theagasg dhuinn. Is i so an t-slabhràidh òir air am bheil gach firinn eile an crochadh; an reul do am bheil gach reul eile a’ deanamh urram; clach-chinn na h-oisinn agus a bhunait a leagadh le Dia ann an Sion, air a mhàin an togar an tigh sin a sheasas ann an latha na tuil agus na doinionn. “Bunait eile cha n-urrainn duine sam bith a leagadh, ach a’ bhunait a leagadh cheana, eadhon Iosa Criosd,” 1 Cor. iii. 11. Ach ged tha ’n fhìrinn-sa mar so a’ ruith troimh nan Sgriobtuire gu h-iomlan, tha earranna ann sam bheil i ni ’s soilleire agus ni ’s follaisiche a seasamh amach. Amhairceamaid car mionaid air cuid diubh so. 1. Is ann air a phuing so, mar ata i air a cur sìos ann an aidmheil an Abstoil Pheadair, a shuidhich Criosd eaglais air thalamh. Cha ’n-ann air buaidh, no air cumhachd, no tighearnas sam bith a thugadh do Pheadar thairis air na h-Abstoil eile, a thog Crìosda eaglais, ach air an aideachadh ghlòrmhor a rinn e,—“a ta sinne a creidsinn agus ata fhios againn, gur tusa Criosd Mac an Dè bheò.” An aidmheil so cha d’ fhoillsicheadh da le fuil no le feòil, ach le Dia a ta air neamh, agus is i so a’ charraig nach gabh gluasad, bunchar na h-Eaglais, air nach d’ thoir geatachan ifrinn buaidh. 2. Mar an ceudna anns a’ chòmhradh eadar ar Slànuighear agus Marta, piuthar Lasarus (Eòin xi. 25), tha slàinte gu sònruichte air a gealtainn do gach neach aig am bheil an creidimh so. “Is mise (ars’ ar Slànuighear rithe) an aiseiridh agus a bheatha; an ti a chreideas annam-sa, ged gheibheadh e bàs, bithidh e beò; agus ge b’e neach ata beò agus a creidsinn annamsa, cha ’n fhaigh e bàs am feasd. Am bheil thu ’creidsinn so?” An sin thug i ’n fhreagairt so dha, a ta filleadh a steach na ceart fhirinn ri créid an Abstoil Pheadair, “Thubhairt i ris, Tha a Thighearna; Tha mi ’creidsinn gur tusa Criosd, Mac Dhé, a bha gu teachd a chum an t-saoghail.” 3. A’ cheart fhianuis tha an t-Abstol Eòin a togail, ’nuair a ta e ’g ràdh (1 Eòin iv. 2, 3, 15.) “Le so aithnichibh Spiorad Dhé; gach uile spiorad a dh’aidicheas gu’n tàinig Iosa Criosd san fheòil, is ann o Dhia a tha e, agus na h-uile spiorad nach aidich gu’m bheil Iosa Criosd air teachd san fheòil, cha ’n ann o Dhia a tha e: agus is e so spiorad sin an ana-criosd, a tha cheana anns an t-saoghal.” Agus rann 15, “Ge b’e neach a dh’aidicheas gur h-e Iosa Mac Dhé, tha Dia na chòmhnuidh annsan, agus esan ann an Dia.” 4. A rìs, tha e air a chur an géill gu’m bi so a’ chrioch arson an do sgriobhadh na soisgeil, chum gu’n creideamaid ’an diadhachd Chriosd agus tre chreidimh gu’n slànuichear sinn. “Tha iad so sgriobhta chum gu’n creideadh sibh gur h-e Iosa Criosd Mac Dhé, agus ag creidsinn duibh gu’m biodh agaibh beatha troimh ainm-san.” 5. An uair a chaidh caillteanach Etiopia a bhaisteadh, bi so an aidmheil a rinn e, “Tha mi ag creidsinn gur h-e Iosa Criosd Mac Dhé,” agus an sin ghabhadh a stigh e do’n Eaglais fhaicsinnich. 6. Agus a chum is nach d’ thoir sinn air aghaidh tuille ’s a’ chòir do earrannaibh, tha na ceart nithibh air an toirt air an aghaidh ’s na briathra f’ar comhair, air chor ’s nach ruig a leas neach dol am mearachd. “Ma dh’aidicheas tu le d’ bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann do chridhe gu’n do thog Dia o na marbhaibh e, saorar thu.” Mar so, ann an aidmheil Pheadair agus Mharta, agus an Etiopianaich, agus na soisgeil agus an litrichibh nan Abstol, seadh air gach clàr do’n Bhìobull, ann an caochladh bhriathran ach san aon seadh, tha ’n fhirinn so air a teagasg dhuinn, agus is i so i. Ma dh’aidicheas sinn le ar bilibh, an làthair Dhé agus dhaoine, agus ainglibh, agus chumhachdaibh an dorchadais, gur h-e Iosa Criosd an Tighearna Mac an Dé bheò; agus ma chreideas sinn o ghrunnd ar cridhe, gu’n d’ thàinig e san fheòil chum an t-saoghail, gu’n d’ fhuiling e air ar son, agus gu’n do thog Dia o na marbhaibh e, agus mar sin gur h-e an aiseiridh agus a’ bheatha;—ma chreideas agus ma dh’aidicheas sinn so, an sin, tha Dia maille ris nach ’eil breug, a’ gealltainn duinn gu’m faigh sinn cuibhrionn na beatha maireannaich, agus gu’n saorar ar n-anama. Tha sinn ri ar dòchas agus ar n-earbsa chur ann an Criosd mar an aon Slànuighear aig peacaich. So agus so a mhàin an ni nach gabh seachnadh chum ar sàbhaladh, creidsinn ann an Iosa Criosd mar aon-ghin Mhic Dhé, agus earbsa as mar an t-slighe, an fhirinn agus a’ bheatha; agus ma ni neach so, ann an treibhdhireas agus an simplidheachd cridhe, co air bith e, ciod sam bith inbhe, no lionmhoireachd a pheacannan no a thoillteanas, sàbhailear e; ach ma chuireas e cùl ris sgriosar e. “An ti a chreideas anns a’ Mhac tha a’ bheatha mhaireannach aige, an ti nach ’eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, cha ’n fhaic e beatha, ach a ta fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air.” Ann an aon fhocal, tha sinn a’ faicinn air gach làimh gur h-ann “le a chreideimh a mhaireas am firean beò;” gur h-ann tre chreideimh a thearnar sinn; gum bheil beatha air a gealtainn dhoibh-san, agus dhoibh-san amhàin, a ta creidsinn an ainm an Tighearna Iosa Criosd, arson maitheanas peacaidh agus aiseiridh o na mairbh, agus dòchas na glòire. II. Ach thugamaid fainear gum bheil iomadh creidimh ann, agus creidimh nach ’eil a chum teasairginn an anma. Uime sin, beachdaicheamaid, co ann a ta ’n Creidimh a ta fior agus a chum slàinte eadar-dhealaichte o ’n chreidimh sin nach ’eil a chum slàinte. Nan cuirear a’ cheist a chuir ar Slànuighear ri Marta ri aon sam bi agaibhse, “Am bheil thu a creidsinn?” is dòcha gur h-i an fhreagairt a bheireadh sibh “Tha mi ag creidsinn.” Is i an fhreagairt a bheireadh gach aon a ta ga ainmeachadh fein na Chriosduidh. Ach, cha bhitheamaid ach a dùnadh ar sùilean air an fhìrinn, nan smaointicheamaid gum bheil gach neach a ta deanamh a leithid sin do dh’ aidbheil, agus aig am bheil a leithid sin do chreidimh, air a hearnadh. “Esan” (a ta na Sgriobtuire ag ràdh) “a chreideas bithidh e air a shabhaladh;” gidheadh tha dà sheòrsa creidimh ann, creidimh ata coitchionn agus nach ’eil a chum slàinte, agus creidimh beò a ta a chum beatha. [TD 3] Tha so mar an ceudna air a theagasg gu soilleir san Sgriobtur. “Tha na deamhain ag creidsinn agus ag criothnachadh;” ach co a their gum bheil an creidimh aca-san a chum slàinte? Tha iad a creidsinn, oir cha n-urrainn iad an sùilean a dhùnadh air an fhìrinn, agus tha ’n creidimh a meudachadh an uamhais a ta gan lionadh, agus ’g an cuir fodha ni ’s faide an eu-dòchas. Nuair a shearmonaich an t-Abstol Phillip mu rioghachd Dhé agus na nithe bhuineas do ainm Iosa Criosd, chreid Simon an Druidh, agus bhaisteadh e, agus dh’ fhan e maille ris an Abstol; gidheadh, bha e fathast “ann an domblas na seirbhe agus fuidh chuing na h-eucorach,” agus cha robh cuid no crannchur aige ann an obair an Spioraid. Na h-ionadaibh creagach, far nach robh moran talmhainn, se sin, luchd eisdeachd an fhocail a ta air an an comharrachadh amach leis na h-ionadaibh creagach, “chreid iad car tamull;” ach tha an creidimh a seargadh co bras is a dh’ eirich e, tha iad a gabhail oilbheum agus tha ’n gàirdeachas a rinn iad a crìochnachadh am bròn. Mar an ceudna (Eoin ii. 24), nuair a bha Iosa an Ierusaleim aig a chàisg, an àm na féill, tha e air innseadh, nuair chunnaic an sluagh na miorbhuilean a rinn e, gun do “chreid moran na ainm,” ach “cha d’ earb Iosa e fein riu, do bhrìgh gu’m b’ aithne dha na h-uile dhaoine.” Tha dream ann aig nach ’eil creideimh idir; tha dream eile ann aig am bheil seòrsa do chreidimh, ach cha ’n fheairrd’ iad e a bheag. Is iad sin an dream tha cosmhuil ri Sìmon an Drùidh, cosmhuil ris an droch thalamh as am bheil siòl an fhocail air a thoirt air falbh le droch spiorad, a seargadh gu neo-bhrigh, no air a mhùchadh le luibheanaich, le droighionn is le cuilc; cosmhuil riusan ris nach d’ earb’ Criosd e fein; luchd aidmheil a chreidimh, nach ’eil fathast nam fior-chriosduighean. Tha ’n dream sin cosmhuil ri craoibh, air am bheil duilleach ach nach ’eil a giùlan toraidh; coltach ri solus nach ’eil a toirt seachad blàths’. Tha creidimh aca, ach tha e marbh, neo-thorrach; tha iad a faicinn Chriosd mar a chunnaic Balaam mac Bheòir e; tha iad ga fhaicinn ach is ann fada bh’ uap’; tha iad ga fhaicinn ach is ann “o mhullach nan creag agus o na sleibhtean.” Tha an creidimh diomhain, tha iad fathast ann nam peacannan. Cia mar, mata, a dh’ aithnicheas neach co dhiu a ta e anns a’ chreidimh no nach ’eil? Ciod an t-eadar-dhealachadh tha eadar fior-chreidimh, agus an creidimh coitchionn so, tha aig luchd aidmheil agus nach ’eil a chum slàinte? Nis, a ta ar Slànuighear fein a toirt duinn comharra a ta cinnteach, leis am feud gach neach a chridhe fein a rannsachadh, “air an toradh aithnichidh sibh iad.” Tha chraobh mhaith agus ùrar a’ giùlan toradh maith, agus an droch chraobh agus a chraobh chrionaich a giùlan droch-thoradh; tha gach lus is preas a giùlan meas a reir a ghnè nadurra fein, agus cha tionail daoine meas an dara lus bhar an luis eile, fìgean do no foghannanaibh, no dearcan-fìona do na drisibh. Agus mar a tha e thaobh nithibh nàdurra tha e thaobh creidimh. “Uime sin, air an toradh aithnichidh sibh iad.” Mar an ceudna tha ’n t-Abstol Seumas ag ràdh, “Nochd dhòmhsa do chreidimh le t’ oibre.” Is iad deagh oibre an deagh thoradh air an aithnichear fior chreidimh. An creidimh sin tha as an ionnuis, tha e marbh, air dha bhi leis fein; agus cha n-urrainn a leithid sin do chreidimh neach a thearnadh. Mar bi buaidh aige air beatha duine, cha bhi buaidh aige chum slàinte. Air an làimh eile, tha fior-chreidimh a ghnàth a giùlan deadh oibre mar thoradh. Is ni e anns am bheil beatha agus neart, làn sùigh agus cinneis, nach searg as. Is e freumh na craoibhe, agus is iad deagh oibre a meas; is e an tobar, agus is iad deadh oibre na h-uisgeachan ta sruthadh uaithe. Is e bun agus freumh uil’ oibribh an fhìor-chriosduidh; agus is e an toradh, toradh an Spioraid, “gràdh, aoibhneas, agus sìth, fad fhulangus, caomhalachd, maitheas, firinn, macantas, agus stuaim.” Tha sibh ag ràdh, mata, gum bheil creidimh agaibh ann an Iosa Criosd, agus anns gach ni a rinn ’s a dh’fhuiling e air ur son; tha sibh a deanamh aidmheil dheth so, le frithealadh air searmonachadh agus òrduighean an t-soisgeil; nochdaibh gu ’m bheil an creidimh sin treibhdhireach agus fior ann an gniomhara ur beatha. Tha fior-chreidimh a co sheasamh, cha n-ann an ainm an nì, ach na nàdur; cha n-ann an aidmheil ach an gniomh; cha n-ann ’sna their sinn le ar bilibh, ach ’sna chreideas sinn nar cridhe. Ma tha sinn a creidsinn gum bheil àitheantean Dhe fior, thugamaid ùmhlachd dhoibh; gum bheil a gheallaidhean fior, gabhamaid g’ ar n-ionnsuidh iad; gum bheil a bhagraidhean fior, teicheamaid bh’uapa. Ma tha ar creidimh na chreidimh da-rìreadh, ma tha e dùrachdach, agus treibhdhireach, beò agus fìor, thugadh e mach toradh ga reir sin. Ma tha sinn ag creidsinn nar cridhe, agus ag aideachadh le ’r bilibh, gun do bhàsaich Criosd air arson, agus gun do thog Dia e rìs o na marbhaibh, bitheadh ar caitheamh beatha d’a reir sin. Nochdamaid ar creidimh le ar n-oibre. An sin bithidh ar creidimh mar chreidimh pobull taghta Dhé, “brigh na nithe ri ’m bheil dòchas, dearbh-chinnt nan nithe nach faicear,” an creidimh sin ata “glanadh a chridhe agus a toirt buaidh air an t-saoghal.” Is e so an t-eadar-dhealachadh tha eadar fior-chreidimh, agus an creidimh nach ’eil chum slàinte. Tha an dara aon marbh, neo-dheanadach, neo-bhuan, agus a seacadh as; agus an t-aon eile na chreidimh beò agus neartmhor, aig am bheil buaidh thairis air ar nàdur is air ar giùlan, a toirt amach deagh oibre, agus a treòrachadh chum ùmhlachd do àithntean Dhé. So an creidimh tha ri fhaotainn ann an deanadas deagh-bheusach, agus ann an slighe na naomhachd, ann an tigh na h-ùrnuigh agus an deanadas ar dleasdanais, ann an toradh an aithreachais agus an uaignidheas a chridhe a ta fuidh leòn, anns an fhocal agus anns na Sàcramaidean. Ma dh’ aidicheas sinn le ar bilibh an Tighearna, agus a bharrachd air sin, ma chreideas sinn nar cridhe, gun do thog Dia o na marbhaibh e, tha ’n soisgeul so air a shearmonachadh, gu’n saorar sinn. III. Na beannachdan a ta sruthadh o fhìor chreidimh. Cha’n ann doibh-san a ta ’n an luchd-aidmheil, aig am bheil fios air toil Dé is nach ’eil ga deanamh, a tha saorsa agus beatha air a gealltain. Cha’n iad na daoine aingidh, no cealgairean, no seirbhisich neo-tharbhach, a shàbhailear tre chreidimh. Ach tha e air a ràdh thairis agus thairis a rìs ’s na Sgriobtuire, gur h-iad na firean a mhaireas beò tre chreidimh. Is e an cruithneachd anns am bheil brìgh is toradh, ’s cha ’n-é moll eutrom falamh, a theid a chruinneach- [TD 4] adh gu tigh-tasgaidh Dhé; cha’n iad na craobhan neo-thorrach, ach na croinn uaine a bheir amach deagh thoradh na fìreantachd, a theid a shuidheachadh dlù do theampull Dé. Tha ghuit aig breitheamh an t-saoghail na laimh, agus fasgnaidh is criathraidh e ùrlar-bualaidh gu ro-bhuileach; tha an tuadh air a cur ri bun na craoibh; agus a réir is mar a gheibhear ar creideimh marbh, falamh, mi-tharbhach, no beò agus brìghmhor agus torach, bithidh ar crannchur ann an teine nach mùchar, no ann an aoibhneas agus an solus bith-bhuan. “Tha na h-aingidh cosmhuil ris a’ mhuir bhuairte, oir cha ’n urrrainn i bhi aig fois; ach tha a h-uisgeachan a dùsgadh a nios salchair agus làthaich. Cha ’n ’eil sìth, deir mo Dhia, do na h-aingidh.”—Isaiah lvii. 21. Is ann ri luchd deanamh na h-eucorach a theid a ràdh san latha dheirionnach, “Imichibh uam, cha ’n aithne dhomh sibh.” “Cha’n fhirinnich mise an t-aingidh”—Ecs. xxiii. 7. Uime sin, mata, is diomhain duinn a smuainteachadh gu’m faod sin dol air aghaidh sa bheatha so mar a thogras sin féin, agus an sin gu’n dean an seòrsa creidimh a tha againn ar tearnadh. Feumaidh sinn ar creidimh a nochdadh ann ar n-oibribh,—ann an toradh iomchuidh an aithreachais, ann an toradh an Spioraid, ann “an gràdh, an aoibhneas, agus an sìth, am fad fhulangas agus an caomhalachd, am maitheas agus am firinn, am macantas agus an stuaim.” Tha an t-Abstol Pòl ag ràdh, ann an aon àite (Gal. v. 6), “Ann an Iosa Criosd cha ’n ’eil éifeachd sam bith: … ach ann an creidimh a dh’ oibhricheas tre ghràdh;” agus an àit eile (Gal. vi. 15.), “Ann an Iosa Criosd cha’n ’eil éifeachd sam bith ach ann an cruthachadh nuadh;” agus ann an àit’ eile (1 Cor. vii. 19.), “Cha ’n ’eil éifeachd ach ann an coimhead aitheanta Dhé.’ Anns a’ chreidimh sin a ta ag oibreachadh tre ghràdh do Dhia a’s do dhaoine, a ta ’g ar deanamh mar chruthachadh nuadh, a ta ’g ar brosnachadh gu aitheantan Dé a choimhead, a mhàin a ta éifeachd a chum slàinte. Ann an creidimh deanadach, agus làidir, agus buan, agus umhail, tha ’n t-anam air fhireanachadh, agus air a shaoradh, agus a ta esan aig am bheil e, an sealladh an Tighearna, mar ùr chrann-uaine a sgaoileas a freumhan ri taobh an t-sruth, aig am bheil a ghnàth a duilleach uaine, air nach ’eil iomagain am bliadhna na tiormachd, agus nach sguir a thoirt seachad toraidh. Bitheadh, mata ’ur deanadas a reir ’ur n-aidmheil, agus ’ur-ùmhlachd a reir briathran ’ur beòil. Tilgibh sibh-pe air Criosd arson furtachd do ’ur n-uireasbhuidhibh gu léir; agus nochdaibh ’ur creidimh annsan le ùmhlachd thoirt gu suilbhearra is gu toileach do thoil an Dé sin a chuir uaithe e. “An sin brisidh do sholus a mach mar a’ mhaduinn, agus fàsaidh do shlàinte gu grad.” An sin, “dealrichidh ’ur solus an làthair dhaoine, chum gum faic iad ’ur deadh-oibre, agus gu’n d’ thoir iad glòir do ’ur n-Athair a ta air neamh.” An sin ni Dia thu “a’ d’ òirdhearcas siorruidh, a d’ aobhar gàirdeachais feadh linn nan linn.” That what is contained on this and the twenty-three preceding pages, is a true and correct copy lodged by Mr. John Gregorson Camphell with the Presbytery of Mull, as one of the sermons preached by him at Tyree, as Presentee to that Parish, by appointment of Presbytery, is attested this 25th day of April, 1861, by (Signed) JOHN MACLEOD, Presbytery Clerk. [TD 5] SECOND GAELIC SERMON. GNIOMHARA NAN ABSTOL xxvi. 28. “An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach ’eil thu ’g am aomadh gu bhi am Chriosduidh.” CHA ’N i idir an earrann is faoine no is suarraiche ann an eachdraidh an Abstoil Phòil, an earrann sin a ta nis f’ar comhair. Dh’innis ar Slanuighear roimh laimh da dheisciobuill gu’m bitheadh iad air an nochdadh an làthair righrean agus uachdaran air a sgàth-san; agus mar shoilleireachadh air a sin ’an so tha Pòl a’ seasamh fa chomhair àrd cheannardaibh agus priomh dhaoine agus righrean, a’ tagradh a chùis an aghaidh casaid naimhdeil agus aingidh nan Iudhach. An deigh dha bhi dà bhliadhna air a cheangal ann am priosan an Cesarea, le Felics uachdaran na h-earrainn sin do dh’impireachd na Ròimh, chum comain a chur air na h-Iudhaich; dh’fhàg Felics an dùthaich, agus thainig Festus gu bhi na riaghlair na àite. Air dhàsan a chluinntinn o na h-Iudhaich mu dheighinn Phòil, ghairm se e chum seasamh aig a chaithir breitheanais, agus a’ chùis fein a thagradh. Air do Phòl fein fhaicinn mar a bha cùisean a dol, agus air dha bhi dearbhta nach rachadh ceartas a dheanamh, thog e ’chùis gu Ceasar. Beagan laithean na dheigh sin thainig an righ Agripa agus a phiuthar, Bernice, gu Cesarea a chum fàilte chur air Festus; agus ’n uair a dh’ innis a bhrathair-ceile da na nithibh mu thimchioll Phòil: ’n uair a dh’ fhosgail Festus cùis Phòil da, agus a dh’innis e nach d’fhuaradh coire sam bith ann a b’ airidh air bàs rinn an cunntas a chual e mu’n t-suidheachadh san robh an t-Abstol a leithid do dhrùghadh air inntinn, ’s gu’n d’iarr e cothrom air Pòl a chluinntinn e fein. Air an là maireach mata, shuidh, a’ chùirt agus chaidh Pòl a thoirt a làthair, agus thubhairt Agripa ris, “tha cead agad labhart air do shon fein.” An sin, gun gheilt agus gun nàire, shìn e mach a làmhan a bha luchdaichte le iaruinn agus ceanglaichibh a’ phriosain, agus thog e a ghuth gu ciùin, gidheadh gu neo-sgàthach agus dhion se e fein o’n chasaid a chaidh a dheanamh leis na h-Iudhaich na aghaidh. Chuir e ’n geill a chaitheamh beatha fein o’òige; dh’innis e cionnas a dh’iompaicheadh e, agus a ghairmeadh e gu bhi na Abstol; nochd e gur ann a chionn gu’n robh e umhail do ’n taisbeanadh nèamhaidh, a chionn gu’n do shearmonaich e do dhaoine iad a dheanamh aithreachas agus a philltinn ri Dia, a bha e fulang naimhdeas agus geur-leanmhuin o na h-Iudhaich; agus mu dheireadh le thagradh cumhachdach, dùrachdach, agus neo-sgàthach, bhrist e as a chéile, is chuir e fa sgaoil gach claon-bhreith, agus bàigh, agus cruas-cridhe, agus naimhdeas, agus fuar ghràdh a bha’n inntinn an righ; thug e leithid do mhosgladh air inntinn leis na briathran a labhair e mu aithreachas, mu chreidimh ann an Criosd, agus mu aiseiridh nam marbh, ’s gu’n d’ thuirt an righ uaibhreach sin ris, “Is beag nach ’eil thu ’gam aomadh gu bhi am Chriosduidh.” An so mata tha tri pearsa gu sònraichte air an toirt m’ar coinneamh: Festus a bha an taobh a muigh do Chriosd; Pòl a bha ann an Criosd; agus Agripa, a bha eadar an dithis. Bha Festus, uachdaran na mòr-roinn, a réir coslais na dhuinne an-diadhaidh, caoin-shuarach mu’n fhirinn, gun eagal Dé na chridhe, iarrtusach a mhàin air a thoil fein a dheanamh. Cha do thuig e teagasg an t-soisgeil mu Chriosd, is mu aiseiridh nam marbh; bha e neo-mhothachail do gach iarrtas naomh, dall do gach argumaid a thugadh air aghaidh, le a chridhe air a chruadhachadh an aghaidh brosnachadh an Abstoil. Air an laimh eile bha Pòl ga àicheadh fein agus a deanamh uaill a crann-ceusaidh Chriosd a mhàin, gun eagal air Criosd a shearmonachadh an lathair uachdarain an t-saoghail, gun nàire air a shoisgeul aideachadh; seadh, a bha meas nan uile nithe mar chall arson ro-oirdheirceas eolais Iosa Criosd a Thighearna; a bha meas mar a ghlòir agus a chrùn uaill gu’m faighear ann an Criosd e, air dha an fhireantachd sin a bhi aige a ta o Dhia tre chreidimh. Eatorra bha righ Agripa,—a choguis ga bhrosnachadh gu naomhachd, ach a chridhe ga chlaonadh gu leanailt ris an t-saoghal; air a roinn eadar Dia agus Mamon; toileach greim a dheanamh air slainte, ain-deonach an saoghal a thoirt a suas. Cha robh e ’na Chriosduidh, ach cha mhòr nach robh; bha e ann an ioma-chomhairle eadar dà bharail,—bha e dlùth do nèamh agus do shlainte, ach cha d’ rinn e greim orra, bha e dearbhta as an fhirinn, ach cha d’ iompaicheadh e chum an t-soisgeil; bha ’choguis ga agairt, ach cha robh a chridhe air ath-nuadhachadh. Bha e coltach ri Ephraim air am bheil Dia ri gearan gu’m b’ aran e nach deachaidh a thiunndadh. Cha robh e amh no bruich, aon chuid fuar no teth. Bha e meath-bhlath coslach ri eaglais Laodicea, “do bhrìgh gum bheil thu meagh-bhlath, agus nach ’eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi mach as mo bheul thu.” So staid a ta os ceann gach cor sam bith eile mi-tharbhach, cunnartach, eagallach. Cha ’n e Agripa an aon neach a dh’ fhiosraich i, anns gach linn ta i tuille is cumanta a measg dhaoine; tha iad lionmhor san eaglais a tha dol air aghart ceum air an t-slighe gu neamh, ach nach ’eil dol fada gu [TD 6] leoir, aig am bheil an tuigse air a soilleireachadh, ach aig nach ’eil an toil air a naomhachadh; aig am bheil tuigse a ghabhail eolas air Dia, ach aig nach ’eil an toil a bheir umhlachd da, a ta mu dheireadh a treigsinn Chriosd, agus a dlù leanailt ri ’n ana-mianna fein. Tha na miltean an duigh ann an ifrinn, ris am faodar aon uair a radh mar thuirt ar Slanuighear ris an sgriobhaiche, a fhreagair gu tuigseach, “Cha ’n ’eil thu fada o rioghachd Dhe.” Cha d’ rinn iad dichioll gu leoir chum an gairm agus an taghadh a dheanamh cinnteach; ruith iad ach cha do ghlac iad an duais; chreid iad, ach cha d’ fhuair iad a chrioch, eadhon slainte an anma. Is beag nach robh iad air an aomadh gu bhi nan Criosduidhean. Ann an leudachadh ni ’s faide air na briathra so, feuchaidh sinn, an earbsa ri còmhnadh Dhe, a nochdadh, I. Ciod e neach a bhi na Chriosduidh? II. Co iomchuidh agus co reusonta ’s a ta e gum bitheamaid nar Criosduidhean. III. Co cunnartach ’s a ta e dail a chuir sa chuis. I. Ciod e neach a bhi na Chriosduidh? agus am bheil e na ni a ta e nar comas a bhi? ’Nuair a ta neach a cur roimhe ni sam bith a dheanamh, no toiseachadh air obair sam bith, tha e toirt fanear an urrainn da a ni sin a thoirt gu crich. “Co am fear agaibhse leis a miann tùr a thogail, nach suidh a sios air tùs agus nach meas an costas, a dh’fheuchainn am bheil aige na chuireas crioch air.” So ni tha na h-uile duine glic a deanamh ann an gnothuichibh cumanta na beatha, so tha e meas am bheil e na chomas a ni a ghabh e fo’s laimh a thoirt gu crich, oir ma thoisicheas neach air tigh a thogail agus nach urrainn da a chriochnachadh, ni na h-uile fanoid air. Ach cia tearc iad a ta toirt fanear an uallach a ta iad a gabhail orra fein nuair a ta iad a tighinn fo bhòidean do Dhia? Cia tearc iad a tha toirt fainear ciod i crioch an t-soisgeil? Ciod e nadur beatha a’ Chriosduidh, ciod iad gach duilgheadas ta aca ri faotainn thairis orra; ciod iad na nithibh ta aca ri thoirt suas; ciod iad na peacannan ta aca ri sheachnadh; ciod iad na naimhdean an aghaidh am bheil aca ri cathachadh. Gach neach agaibhsa nach treig na h-uile nithe a ta aige cha ’n ’eil e ’n comas da bhi na dheisciobull domhsa.” Se so da-rireadh neach a bhi na Chriosduidh, creidsinn air an Tighearna Iosa Criosd mar Mhac Dé, agus ar dòchas agus ar n-earbsa a chur ann mar an aon Slànuighear aig peacaich. So agus so a mhain an aon ni nach gabh seachnadh chum ar sàbhaladh, creidsinn gur h-e Criosd aon-ghin Mhic Dhé, agus earbsadh as mar an t-slighe, an fhirinn, agus a’ bheatha,—an tobar a dh’ fhosgladh le Dia arson peacaidh agus arson neo-ghloine. Ma ni neach sin ann an treibhdhireas agus ann an simplidheachd cridhe, cia de air bith a dhùthaich no a dhath, a chànain a ta e labhairt, no a’ cheaird a ta e leanailt, cia de air bith a chaitheamh-beatha roimhe sin; eadhon ged a b’e ceann-feadhna nam peacach, inntrigidh a spiorad do ghlòir aig àm a bhàis, agus gheibh e fois, is sìth, is sonas bith-bhuan. “An ti a chreideas anns a’ Mhac tha bheatha mhaireannach aige; ach an ti nach ’eil a’ creidsinn anns a’ Mhac cha ’n fhaic e beatha; ach a ta fearg Dhé a gabhail còmhnuidh air.” “A mhaighstirean (arsa fear-coimhead a’ phriosain an Philipi, ri Pòl agus Silas), ciod is còir dhomh a dheanamh chum gu’n tearnar mi? agus thubhairt iadsan. Creid anns an Tighearna Iosa Criosd, agus tearnar thu féin agus do thigh.” Is e Criosduidh neach a ta creidsinn ann an Criosd, agus ag earbsa ris arson slàinte. ’N uair a ta Dia a gabhail ruinn le deadh thoil, agus a gheibh sinn deadh-ghean na fhianuis, cha ’n ann air chor sam bith air arson féin. Dh’fhaodamaid aithntean a chumail o ar n-òige a nuas, no dh’fhaodamaid sinn féin a thoirt thairis do mhi-nàire chum gach uile neo-ghloine chur an gniomh le ciocras, cha bhuin sin do’n aobhar arson am bheil Dia toirt duinn uchd-mhacachd na cloinne. Cha ’n ’eil gnothach aig ar n-oibre féin ris, aig ar n-eòlas, no aig ar maitheas. ’Se Dia a mhain a ta ’g ar fireanachadh, agus sin a mhàin tre a thròcair ann an Iosa Criosd, Ged a ta ’m peacach, air dha aithreachas a ghabhail agus a bhi air iompachadh, a fàs na Chriosduidh agus na oighre a’ gheallaidh, gidheadh ma ta làithean air an caomhnadh, cha ’n ’eil ’ath-leasachadh a criochnachadh an sin; tha chaithe-beatha gu léir ag atharrachadh, agus a nadur gu léir air ath-nuadhachadh. Tha caochladh co mòr, co iomlan, agus co buileach a tighinn air ’s gu’m bheil e air a ràdh mu dheighinn gur creutair nuadh e. Ta nàdur air a ghlanadh agus ùmhlachd nuadh air oibreachadh ann; tha e tréigsinn a pheacannan agus seachran a shlighe agus eas-umhlachd, agus a tionndadh gu gliocas nam firean, a làn-oibreachadh amach a shlàinte féin le h-eagal agus ball-chrith. Mar ’eil e ’deanamh so is mealltaireachd dhiomhain aidmheil; tha creidimh as eugais oibre marbh. Tha am fior Chrosduidh air a bhreith o’n Spiorad; is e an Spiorad Naomh a ta suidheachadh, agus a dion, agus a toirt fàs do’n chreidimh a ta ann,—creideimh a ta ’g àrdachadh ’inntinn, a glanadh a chridhe, agus a toirt buaidh air an t-saoghal. Tha ’n creidmheach gu buileach agus gu toileach ag àicheadh agus a cur cùl ri rioghachd Shàtain. Is le Dia e nis agus na dheigh so, aig gach àm, agus gu siorruidh; cha bhuin e dha fein, oir cheannaicheadh e le duais. Is e iarrtas glòir a thoirt do Dhia le chorp is le spiorad, is le Dia; agus gach smuain a thoirt am braighdeanas do dh’umhlachd Chriosd. Is le Dia gach ni a bhuineas da, agus is e ’oidhirp agus ’iarrtas an riaghladh a reir toil Dé. Is le Dia a thìm agus a thalandan, a chothroman agus a shochairean, a mhaoin agus a chairdean, agus eadhon a bheatha fein. Tha criosduidheachd no diadhuidheachd coslach ri cur siol maith ann am fearann torach, a fàs suas ann an ùrachd agus am maise, agus a giulan deadh thoradh na fireantachd, chum naomhachd na bheatha gu leir; a ta e mar leanabh a ta fàs suas ann am meudachd, chum duine iomlan, chum tomhas àirde lànachd Chriosd. Cha ’n e so an diadhaidheachd is toil leis an t-saoghal, no le daoine an t-saoghail; tha i an aghaidh an nadur agus an uabhar. Cha ’n ’eil e na ioghnadh gu’n robh Agripa eadar dà chomhairle, gu’n robh e deas gu creidsinn ann an Criosd, ach gu’n do chumadh air ais e, agus gu’n robh am focal air a mhùchadh na chridhe le spleadhnas an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais. An robh e ri cùl a chur ris a’ chreidimh anns an d’fhuair e àrach? An robh e ri ’chrùn, agus ri ’righ-chathair, agus ri ’ghreadhnachas, agus a shòghalachd fhàgail arson bochdainn agus trioblaid,—arson uamhaibh agus slochdaibh na talmhainn, arson priosuin agus geimhlibh, arson geur-leanmhuinn, agus ma dh’fheudta bàs? Bha uallach [TD 7] a’ Chriosduidh tuille is trom leis; bha buaireadh an t-saoghail tuille is làidir air a shon. Rinn esan a thaghadh agus fhuair e a dhuais. Chuir Dia fa chomhair, mar a ta e deanamh ribh-sa an diugh, beatha agus bàs, maith agus olc, beannachadh agus mallachadh; roghnaich esan an t-olc, thiunndaidh e chridhe air falbh, agus gu cinnteach fhuair e bàs ann na pheacanna. Faodaidh sibhse bhi rùnachadh maith mar a bha esan; thugaibh an aire dhuibh fein, am feadh is e’n diugh latha na slainte. II. Co iomchuidh agus co reusonta is a ta e neach a bhi na Chriosduidh. Cha ’n abair sinn diog an so mu na dearbhaidhean air firinn a’ chreidimh Chriosduidh, a dh’fhaodadh a bhi air an toirt air an aghaidh agus nach urrainn neach àicheadh, no feumaidh e aig a’ cheart àm creideas a dhiùltadh do gach uile eachdraidh, do gach uile fhianuis agus teisteas, agus eadhon do ni sin a chi e le shùilibh fein. Cha ’n ’eil ni is ro-iomchuidh agus is reusonta, na gu’n creideamaid an fhirinn agus gun diùltamaid earbsa as an ni a ta fhios againn is breug, anns gach ni, agus gu sonraichte anns na nithibh sin a bhuineas do ar slainte shiorruidh. Agus gu cinnteach tha daoine gu cumanta toileach so a chreidsinn; tha iad a creidsinn gach ni a ta ’m Biobul ag ràdh riu ’n an inntinnean, ach cha ’n ’eil e drùghadh air an cridheachan, Tha leithid do dheigh aca air an t-saoghal, agus a leithid do ghreim aig orra, agus nach tréig iad na h-uile nithe, a thogail a’ chrann-ceusaidh agus a leanmhuinn Chriosd; air neo a ta iad a cur guth thairis ann o àm gu àm, ga leigeil seachad o là gu là, ag ràdh mar a thuirt Felics, “Imich romhad an tràth-sa, ’n uair a bhios ùine agam cuiridh mi fios ort.” Bu mhaith leo dà mhaighstir a bhi aca, bu mhaith leo seirbhis a dheanamh do Dhia agus do Mhamon; bu mhaith leo faotainn do neamh air co beag diadhaidheachd ’s a ghabhadh. Ach ann a feuchainn ris a’ char a thoirt a Dia, tha iad a’ toirt leir-sgrios orra féin. Cha ’n ’eil Dia ag iarraidh bh’uain ach a mhàin an ni sin a ta cothromach, an ni sin aig am bheil còir aige mar ar Cruith-fhear, ar Fear-coimhid, agus ar Fear-saoraidh, o’m bheil a’ teachd a nuas gach deadh thabhartas agus gach tiodhlac iomlan. Tha e ’g iarraidh oirnn a lagh agus aitheantan a chumail, agus a ta ’n lagh naomh, agus a ta an aithne naomh, agus cothromach agus maith. Cha ’n ’eil e ag iarruidh ni bh’ uain ach ni a ta chum ar sonas agus sìth féin a chur air aghaidh; a chum maith agus buannachd dhuinn. Tha bàs a feithimh oirnn uile, agus cha ’n urrainn duinn a sheachnadh. Faodaidh e ar sgarachdainn o gach ni a ta gràdhach leinn, agus dealachadh a chur eadar sinn agus sonas gu sìorruidh. Agus an deigh bàs tha breitheanas a gheur-fhiosraicheas agus a rannsuicheas gach cùis agus a dhiolas do gach neach a réir a gniomhara, a dh’iocas dhoibhsan a bha dileas agus firinneach, aoibhneas nach gabhar cuir an géill, agus air nach urrainnear coimeas a thoirt; agus a dhiteas iadsan a bhuanaich nam peacannan, gu doruinn gun tàmh, gu dorchadas gun solus, gu priosunn as nach ’eil fuasgladh. Tha gach gniomh a rinn sinn, cia de ar bith co beag nar suilean féin, air a thoirt fanear; eadhon cupan a dh’ uisge fuar air a thoirt do neach, an ainm deisciobuil, cha chaill e air chor sam bith a dhuais. Co neach a bheachdaicheas air na nithibh sin, agus is urrainn gun a bhi fo ioghnadh is fo mhulad arson mi-churam dhaoine agus an cion-mothachaidh agus cruas cridhe? Co is urrainn gun chaoidh a dheanamh a chionn co fuar, co neo-thuigseach, co neo-aireil, co baoghalta is a ta a chridhe féin? Ta diadhaidheachd air a cuir ar chùl le daoine, cha’n ann a chionn gum bheil i eu-ceillidh na mi reusonta, ach a chionn gu’m bheil an cridheachan féin fuar agus cruaidh agus olc. “Thainig an solus a’ dh’ionnsuidh an t-saoghail, ach cha d’ aithnich an saoghal e; tha’n solus a soillseachadh anns an dorchadas, agus cha do ghabh an dorchadas e. Mar ’eil creidimh Chriosda fior, aidichibh air ball nach ’eil ann ach cuibhrionn do dh’ fhaoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h-innleachdach. Ma tha e fior, an diugh féin amharcaibh air sin, agus thoiribh deagh aire dha. III. Co cunnartach is a ta e cùl a chur ri slainte co mòr agus a bhi cur dail ann ar n-aithreachas. Tha iad lionmhor san saoghal a ta gabhail orra féin a bhi glic, ach a ta da-rìreadh nan amadain. Tha daoine a smuainteachadh gu’m faod iad tighinn beo ann am peacannan; gum faod iad an òige thoirt a suas do dh’ ann-tograidhean agus mi-stuamachd, gum faod iad neart an laithean a chaitheamh an uabhar ’s an gloir-mhiannachadh, àm buaireadh is a mi-run, an iarrtusaibh talmhaidh, agus an gniomhara mi-naomha; seadh, gum faod iad eadhon an sean aois thoirt suas do shannt is do dh’ fhoirneart, do ’n t-saoghal agus do ’n diubhul, agus aig uair a bhais, gum fas iad crabhach, gun dean iad ùrnuigh is gun iarr iad maitheanas air Dia, gun smuaintich iad beagan smuaintean diadhaidh, gun gabh iad aithreachas agus gun d’theid iad a steach do ghloir, Cha ’n ’eil ni a ta trusadh uidhir anma a stigh do dh’ifrinn, a toirt fogharadh co pailt do’n diabhul, ri leithid so do bheachd, ri bhi cur guth thairis ann ar n-naithreachas arson dòchas a ta diomhain; a deanamh maille ann a bhi nar Criosduidhean gus am bheil e motha ’s anamoch. Ta daoine a leanailt gach faoineis agus diomhanas, leisg agus mairnealach ann a nithibh spioradail, nan traillean do nithibh faileusach agus amaideach na beatha so, air an toirt thairis do am peacannan; tha iad a cuir dail o latha gu latha, agus o bhliadhna gu bliadhna, ann an obair na slainte, gus an d’ thig am is freagarraiche. Cha d’ thig an t-àm sin gu dìlinn no gu brath; is e ’n diugh an t-àm taitneach, agus latha na slainte. Tha iad toileach gach ni th’ aca chuir an cunnart, arson ni a dh’ fheudas tachairt; tha iad toileach cuid an tuiteamas a ghabhail, agus tha iad a faotainn bàs ann nam peacannan. Gidheadh a ta leithid sin do dhaoine deas gu aideachadh gum bheil iad fein nan creutairean air an do bhuilich Dia eolas agus tuigse, agus aig am bheil freagarra ri thoirt da. Ach tha iad air an laimh eile gu dichiollach agus gu doigheil, le ’n suilean fosgailt’ agus le ’n inntinn soilleir, a toirt sgrios air an anma féin. An urrainn na briathran is laidire a ta ’an cainnt mhic an duine dearg-chuthach agus dalladh eu-ceillidh an dream sin a chuir an ceill, a ta ach beag air an aomadh gu bhi nan Criosduidhean, ach a ta fathast as eugmhais dochais agus gun Dia anns an t-saoghal. An t-Iudhach, a Mahomadanach, am fear-iodhal-aoraidh, an t-as creidmheach, an t-ana-criosduidh; feudaidh iadsan rud-eigin a’ ràdh na lethsgeul féin; ach a ta esan ni ’s miosa na deamhnaibh; “Tha na deamhain a creidsinn, agus tha iad a criothnachadh:” [TD 8] tha iadsan a creidsinn agus cha ’n ’eil e cur smuairean no cùram orra. Is ni cudthromach an ni so a ta f’ar comhair; is ni cunnartach dhuinn a leigeil as ar n-inntinnibh gun suim a ghabhail deth. ’N uair a dh’innis an Tighearna da dheisciobuill gu’m “brathadh fear dhiubh e,” thoisich gach aon air amharc ris fein, “a mhaighstir, am mise e?” Mar so bu chòir dhuinne a dheanamh. ’N uair a ta Dia nochdadh dhuine bho fhocal gu’m bheil àireamh mòr ann a ta ’g aidmheil creidimh o’n leth am muigh, nach ’eil ach am beag ’nan Criosduidhean bu chòir dhuinn beachdachadh gun dàil-air ar cridheachan fein, “A Thighearna am mise e? An neach mise is beag nach ’eil na Chriosduidh? An d’ thig mi mu dheireadh gearr, agus an caill mi mo dhuais? Am bheil agam ach dealbh agus aidmheil na diadhachd gun an cumhachd? Am bheil mi am aon do luchd-éisdeachd an fhocail gun a bhi am aon do luchd cur an gniomh an fhocail?” Tha dream ann aon chuid nach eisd agus nach cuir an gniomh; is iad sin peacaich fhollaiseach agus mi-naomha. Tha dream eile ann, a dh’eisdeas agus a chuireas an gniomh; is iad sin fior-chreidmhich. Tha cuid a dh’eisdeas agus nach cuir an gniomh; is iad sin cealgairean a ta ’nan luchd-aidmheil a mhain. Cha ’n ’eil iadsan ni’s fearr dheth no iadsan a ta buannachadh ann an iodhal-aoraidh, ann am mionnan, am briste Sàbaid, easumhlachd do phàranntaibh, mort, neo-ghloine, meirle, breugan, sannt agus mi-rùn, na iadsan a tha aingidh gu follaiseach, cha ’n fhaigh iad ni’s mò na iad sin tròcair, no maitheanas, cha d’thig caochladh no iompachadh orra, cha n’ fhaigh iad sochairean cùmhnanta nan gràs. Rannsaichibh mata ar cridheachan fein; “ceasnaichibh sibh fein, feuch am bheil sibh anns a’ chreidimh, dearbhaibh sibh fein.” Cha bhi Spiorad Dhé a ghnàth strì ris an duine; cha bhi an soisgeul a ghnàth ’n ar tairgse. “Tha Ephraim air a dhlù cheangal ri iodhalaibh, leig leis.”—Hos. iv. 17. “A chionn (arsa Dia) gu’n do ghairm mi agus gu’n do dhiùlt sibhse, gu’n do shìn mi mach mo làmh, agus nach d’ thug duine sam bith an aire, ni mise mar an ceudna gàire ri’r sgrios-sa; ni mi fanoid ’n uair a thig bhur n-eagal; ’n uair a thig bhur n-eagal mar fhàsachadh, agus a thig bhur leir-sgrios oirbh mar ioma-ghaoith; ’n uair a thig teinn agus cràdh cridhe oirbh; an sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach cha ’n fhaigh iad mi.”—Gnàth. i. 24—28. Ta àm sonruichte ann an eachdraidh creidimh gach neach, ’n uair a ta e gabhail aithreachais chum slainte, no a cruadhachadh a chridhe chum sgrios. Ma dh’fhaodaidh gur h-i so an uair sin do neach a thaobh-eigin san fhianuis. Ma ghabhas e ri tairgse nan gràs, bithidh e gu maith dha; ma thiunndaidheas e chùl ri naomhachd, cha ’n fhiosraich ean ceart mhothachadh agus fhaireachadh gu bràth tuille, ach ni’s laige agus ni’s laige; agus b’ fhearr dha nach d’ rugadh e riamh. “An duigh ma dh’eisdeas sibh ri ghuth, na cruadhaichibh bhur cridhe.”—“Feuch a nis an t-àm taitneach; feuch a nis latha na slàinte.” Na bitheadh bhur dùil ri dàil a chur ann gu leabaidh bàis. Is e an t-aithreachas a ta dhith air an Tighearna, aithreachas anns an latha, aithreachas m’an d’ thig an dorchadas oirnn. Is e tha dhith air, sinn a dheanamh obair ’n uair a ghoirear an latha diugh dheth, is cha ’n ann an uair a ta sinn a’ tuiteam sios ann an sean aois, a dh’fhàgas slighe leathann aimh-leathan, agus slighe chòmhnard mar mhonadh creagach; cha ’n ann an uair a ta sinn a’ tuisleachadh agus a’ tuiteam ’n ar tinneas deirionnach. Ma chuireas sinn dàil ’sa chùis, an àite neart, faodaidh Dia ar càramh san uaigh; an àite solus agus slainte, ris am bi sinn ag amharc, feudaidh e ar crannchur a thoirt duinn an dorchadas iomallach, an dòruinn nach gabh lùghdachadh, an truaighe a ta bith-bhuan. “Thugaibh-se glòir do’n Tighearna bhur Dia mu’n tig an dorchadas, agus mu’n tuislich bhur cosan air sléibhtibh na doilleireachd: an sin, an nuair a bhios bhur sùil ri solus caochlaidhear e gu sgàile a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.”—Ier. xiii. 16. Amen. That what is contained on this and the fìfteen pages preceding, is a true and correct copy lodged by Mr. John Gregorson Campbell with the Presbytery of Mull, as one of the sermons preached by him at Tyree, as Presentee to that Parish, by appointment of Presbytery, is attested this 25th day of April, 1861, by (Signed) JOHN MACLEOD, Presbytery Clerk. [TD 9] THIRD GAELIC SERMON. LUCAS. xiii. 24. “Deanaibh spàirn chruaidh gu dol a stigh air a’ gheata chumhann; oir a deirim ribh, gu’n iarr mòran dol a stigh agus nach urrainn iad.” BHA e air a ràdh le diadhair ainmeil, “Mar a ta mòran a dol do nèamh seachad fior gheataibh ifrinn, mar sin a ta tuilleadh a dol do dh’ifrinn seach geataibh nèamh.” Mar a ta iomadh peacach mòr agus comharraichte air a spìonadh mar aithinne as an teine, aingidheachd air a h-imeachd uaithe, agus e air éideadh le culaidh mhaisich na fireantachd, mar sin a ta iad lionmhor ann, a ta seasadh agus a coiseachd a measg muinntir an Tighearna, a tha o’n leth a muigh ’n an Criosduidhean agus dlùth do nèamh, ach mu dheireadh a ta teachd gearr,—aig am bheil an dòchas faoin agus cealgach air a ghearradh as, agus a ta ’sa chrìch a’ glacadh léir-sgrios mar dhuais. Tha an aon ni a’ tachairt dhoibh a ta tachairt do pheacaich fhollaiseach; oir tha dà sheòrsa ann, a tha toirt sgrios air an anama fèin. Air tùs, iadsan a tha cur cùl gu h-an-dàna ri tairgse na slàinte—a tha aogamach agus caoin-shuarrach mu’n t-soisgeul, peacaich fhollaiseach, dream mi-dhiadhaidh, daoine ana-creideach, sluagh a ta “gun Dia agus gun dòchas anns an t-saoghal.” Agus a rìs—agus is iad so is trice na’n seòrs’ eile tha ri fhaotainn ’n ar measg, agus is ann umpa so gu sònruichte a ta sinn a’ dol a labhairt, agus ris am bheil briathran ar teagaisg a coimhead,—dream a ta theagamh ag amharc orra fèin mar Chriosduidhean ro-fhireanach, a ta ’g aidmheil creidimh Chriosd le’m bilibh, a ta ’g eisdeachd ’fhocail agus a frithealadh air òrduighean, a ta a deanamh mòran gheallaidhean agus bhòidean an aghaidh peacaidh, a ta faotainn mòran eòlais agus a coimhlionadh iomadh dleasdanas iomchuidh, “aig am bheil coslas diadhachd, ach a ta ’g àicheadh a cumhachd,” agus mar sin a ta mu dheireadh a teachd gearr air neamh, a ta seargadh mar an crann-fige neo-thorrach tuiteam mar an tigh a chaidh a thogail air a’ ghaineamh, agus “is mòr an tuiteam.” Tha e soilleir gu’m bheil a leithid sin do dhream ann, gu sònruichte bh’uaithe so,—gu’m bheil àireamh na feadhnach sin a ta ’g aidmheil Chriosd mòran ni’s lionmhoire na àireamh an dream a ta nam fior chreidmhich. Tha iad lionmhor a tha ’nan Criosduighean o’n leth a muigh, nach ’eil ’nan Criosduidhean o’n leth a stigh; tha mòran a ta cràbhach nan giùlan, ach nach ’eil diadhaidh nan cridheachan; tha iad ann, agus cha ’n ’eil iad tearc, tha nam buill do ’n eaglais fhaicsinneach air thalamh, nach d’ theid gu bràth a stigh do’n eaglais neo-fhaicsinneach air neamh. Tha leithid sin do dhaoine ann am fradharc neamh, tha iad mar na h-òighean amaideach, ma dh’fhaoidte a’ bualadh aig an dorus, ach cha ’n urrainn iad dol a stigh, agus cha ’n fhaic iad gnùis Dhe; is beag nach ’eil iad air an tearnadh; tha iad dlùth do shlàinte, ach cha ’n fhaigh iad slàinte air bith; tha iad a’ dol do dh’ifrinn seachad air geataibh neamh. “Theid am firean do neamh, air dha ioma eagal tùirseach a bhi aige roimh ifrinn; theid an cealgair do dh’ ifrinn air dha iomadh dòchas ciatach a bhi aige ri neamh.” Mar so, mata, mar a ta, na sgriobtuiribh g’ ar n-earalachadh an aghaidh gràineileachd agus truaillidheachd a pheacaidh, ta iad mar an ceudna gar brosnachadh an aghaidh stad leth an rathaid ann an obair na slàinte, an aghaidh moille a dheanamh gus an dean sinn ar gairm agus ar taghadh cinnteach. “Tha ’n cridhe cealgach os ceann na h-uile nithe;” agus tha mòran’ ga mealladh féin sa chùis so. Tha iad a smaointeach gum bheil iad a toirt aoradh gu leòir do Dhia,—gum bheil iad a coimhlionadh dleasdanasan gu leòir,—gum bheil iad toirt ùmhlachd na ’s leòir do àithntean Dhé,—gum bheil iad eudmhor gu leòir thaobh creidimh,—gum bheil iad gu h-iomchuidh ag àicheadh am peacannan—gum bheil iad riaghailteach gu leòir ann an òrduighean an t-soisgeil,—tha iad ann tha smaointeachadh so, nuair a ta iad fathasd fada o shlàinte. Tha iad sin, ann am briathran an fhàidh, a fadadh teine bréige dhoibh fein, agus ag imeachd fad’ am beatha na sholus, ach mu dheireadh tha iad “a luidhe sìos ann an doilghios,”—“nuair a tha an sùil ri solus, caochailear e gu sgàile bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.” Cha ’n ’eil sluagh mar so idir ainneamh anns gach comhthional, sluagh a ta coslach ris an sgriobhaiche ris an d’ thuirt ar Slànuighear féin. “Cha ’n ’eil thu fada o rioghachd neamh” (Marc. xii. 14); craobhan-fige air am bheil duilleach ach air nach ’eil meas; òighean amaideach aig am bheil lòchrain, ach aig nach ’eil ola nan lòchrann, sluagh a ta air an ainmeachadh air Israel, a ta deanamh luaidh air Dia Israeil, ach “cha ’n ann am firinn no ann an ionracas.” Iarraidh iad sin a steach do neamh ach cha ’n urrainn iad, agus c’arson? Do bhrìgh gun do ghabh iad frith rathaidean dhoibh féin, agus nach d’imich iad air an t-slighe iomchuidh. An uair bha iad an dùil gun do thionndaidh iad an aghaidh ri neamh, is ann a ghabh iad mar amadana an turus chum sgrios, ag ràdh riu féin “sith, sith,” ’nuair nach bu chóir sith idir a bhi ann. [TD 10] Uaithe so, mata, tha e soilleir co iomchuidh, co feumail, co-cudtromach, is a ta chomhairle tha air a toirt duinn le ar Slànuighear ann am briathraibh stéigh ar teagaisg. ’Nuair a bha e air thurus troimh na bailte beaga air an t-slighe gu Ierusalem, thachair neach àraid air agus dh’fhoighneachd e dheth, “an tearc iad a shaorar?” Co dhiu is ann arson iongantais dha féin a dh’ fheòraich e cheist so, no chionn, air dha bhi an teagamh an robh slàinte taobh a muigh creidimh nan Iudhach, gun robh e da rìreadh deònach air fiosrachadh fhaotainn, cha ’n ’eil e air ìnnseadh dhuinn. Ach aon rud, cha d’ fhuair e’n toiseach freagairt dhìreach do ’n cheist. An aite brath fhaotainn air a ni bha dhith air, is ann a chaidh comhairle thoirt air fein; an àite fios is ann a fhuair e earail—an àite eòlas fhaotainn chum a bheachd mu dhaoin eile a shoilleireachadh is ann a fhuair e rabhadh chum a chleachdannan féin a leasachadh; a teagasg duinn, an àite bhi foighneachdail mu ciod a dh’ eireas do ar coimhearsnach, gu’m bu chóir do gach neach an toiseach amharc ri chor féin. “Deanaibh spàirn chruaidh gu dol a stigh air a gheata chumhann, oir a deirim ribh, gun iarr mòran dol a stigh agus nach urrainn iad.” Ann an leudachadh ni’s faide air na briathran so, an earbsa ri còmhnadh o Dhia, labhrainn air thùs, mu’n dream mu ’m bheil e an so air a ràdh, gun iarr iad dol a stigh do rioghachd neimh ach nach urrainn iad; agus anns an dara àite, mu’n earail tha uaithe sin air a tarruing agus air a toirt duinne, “deanaibh spairn chruaidh gu dol a stigh air a gheata chumhann.” I. “An ti a thig am ionsuidh (tha ar Slànuighear ag ràdh), cha tilg mi air chor sam bith amach e.” Ciamar a ta e an so mata, ag ràdh gum bheil dream ann, a dh’iarras dol a stigh do rioghachd neimh agus nach urrainn iad? Nach ’eil iad sin air an tilgeadh amach? Tha gun teagamh sam bith, ach is ann air an aobhar so, an àite tighinn a dh’ionnsuidh Chriosd, is ann a ta iad a leigeil an taic air innleachdan a dhealbh iad féin. An àite earbsa a éifeachd na h-éiric thug esan seachad, tha iad ag earbsa na maitheas is nan neart féin. Bu mhaith leo dol a stigh air a gheata chumhann, bu mhaith leo tighinn a dh’ ionnsuidh Chriosd, ach tha iad a cleachdadh dòigh mhearachdach, agus a deanamh tuille is beag dìchill. An àite bhi cùramach, dealasach, iomaguineach, gu tric a beachdachadh air an staid féin, gu dùrachdach a rannsachadh agus a ceasnachadh an cridheachan féin, feuch am bheil iad anns a chreidimh, “ag oibreachadh amach an slàinte féin le h-eagal agus le ball-chrith,”—is ann a ta iad dol air an aghaidh gun imcheist gun teagamh mun staid féin, gun mhothachadh air an cor spioradail féin, a deanamh aidmheil agus a cleachdadh meadhonan, ach as eugmhais a chreidimh sin a shaoras an anma. Amhaircaibh mun cuairt air na bheil a gabhail orra féin a bhi, nan Criosduidhean. Nach ’eil iad tric, tha theagamh coimhlionadh iomadh dleasdanas, a frithealadh air iomadh ordugh a toirt ùmhlachd do iomadh àithne, seadh (faodaidh e bhi) deanamh gach ni o’n leth amuigh is urrainn fior-Chriosduidh a dheanamh, ach a ta tuiteam sa mhearachd so, tha iad toilichte leis na meadhonan agus cha ’n ’eil iad a coimhead seach na nithibh sin! Tha iad mar sin gun chùram arson an anama “a caitheamh an làithean gu suaimhneach ann an Sion.” Cha ’n ’eil iad a tarruing uisge a tobraichibh na slàinte, ach tha iad a cladhach amach doibh féin sluic eu-dionach nach cum uisge air bith. An àit’ iarraidh thun tobar a ghliocais tha “mar shruth sgaoilteach,” tha iad ag earbs’ a sruthannaibh geamhraidh a ghabhas seachad, mu’m bheil e air a ràdh, “an uair a dh’ fhàsas e teth caithear as an àit iad.” Tha iad a deanamh dearmad air comhairle an Spioraid Naoimh, “ruitheadh sibhse, ionnus gun glac sibh an duais,”—“deanaibh tuilleadh dichill chum ’ur gairm agus ’ur taghadh a dheanamh cinnteach.” Tha daoine ro dheas air iad féin a mhealladh sa chùis so. Tha e air innseadh dhuinn gum bheil an teanga cealgach, gum bheil beartas mealtach, gum bheil càirdean cealgach, ach “tha cridhe mhic an duine cealgach os ceann na h-uile nithe.” Uaithe so tha e tachairt gum bheil daoine gam mealladh féin thaobh a chor anns am bheil iad. Tha iad dol a mearachd thaobh an staid féin, agus a smaointeachadh gum bheil i na staid mhaith agus shàbhailte ’nuair a ta i olc agus cunnartach. Is iomadh neach a ta smuainteach gum buin e do Chriosd, gum bheil e na aon do chloinn Dé, ’nuair tha Dia ag amharc air mar “shoitheach feirge” Is iomadh neach tha deanamh gàirdeachas gun d’ fhuair e pàirt ann an Criosd, ’nuair a ta e fathast na choigreach dha. Is iomadh neach tha smuainteach gum bheil a pheacanna air a maitheadh dha ’nuair a ta e fathast mar a bha Simon Magus “ann an domblas na seirbhe agus fuidh chuing na h-eucorach.” Is iomadh neach tha smaointeach gum bheil gràs na chridhe ’nuair nach ’eil. “Tha neach ann,” arsa Solamh, “a leigeas air a bhi beartach, agus gun ni air bith aige.” Agus is ann dìreach mar sin bha Eaglais Laodicea, agus tha cealgairean an t-saoghail anns gach linn, “Tha thu ag ràdh, tha mi beartach agus air fàs saibhir, agus gun fheum agam air ni sam bith, agus gun fhios agad gum bheil thu dòruinneach agus truagh agus bochd agus dall agus lomnochd.” Tha da mhearachd gu sònruichte do ’m bheil sinn buailteach anns a chùis so agus an aghaidh an còir dhuinn a bhi nar n-earalas. 1. Feudaidh neach a bhi na bhall deth Eaglais Chriosd, feudaidh se e fein a cheangal ri sluagh an Tighearna, com-pàirteachadh maille riu ’sna h-uile òrduighean, agus cuibhrionn fhaotainn do gach sochair a bhuineas do’n Eaglais, agus gun a bhi na fhior Chriosduidh. ’Nuair a chaidh clann Israeil suas as an Eiphit, tha e air innseadh dhuinn gun deachaidh mar an ceudna “iomadaidh do shluagh eile suas maille riu.” Is ann mar sin a ta e tachairt anns gach linn de’n Eaglais; nuair ata fior-phobull an Tighearna anns a bheatha-sa air an turus o bhraighdeanas a pheacaidh gu rioghachd nèimh, tha “iomadaidh do shluagh eile” ’g an ceangal fein riu, a ta ’g aideachadh an aon Dé agus a fàgail an duthcha fein, ach a ta ’nan cridheachan nan Eiphitich. “Cha ’n Israeil iad uile a ghoirear air Israeil.” Aig gach àm tha ri fhaotainn anns an Eaglais, measg a cheile, iadsan a ta a mhàin nan luchd-aidmheil, agus iadsan a ta nam fior-Chreidmhich. Ghabh Ishmael comhnuidh anns an aon tigh ri Iacob; bha Iudas an co-chomunn nan Abstol; bha Demas, a threig Pol, air dhà an [TD 11] saoghal a ta làthair a ghràdhachadh (2 Tim. iv. 10), am measg nan deisciobull; tha na gobhair ag ionaltradh a measg nan caorach,—tha ’n cogal a’ fàs am measg a’ chruithneachd, agus am moll ri fhaotainn am measg an t-sìl. Mar sin, cha ’n ’eil e na dhearbhadh sam bith air neach a bhi ’na Chriosduidh gu’m bheil e ri fhaotainn anns an Eaglais fhaicsinneach, gu’m bheil e ’frithealadh gu riaghailteach air a h-òrduighean, agus a com-pàirteachadh do na sàcramaidean, Feudaidh neach sin a dheanamh is a bhi na chealgair is na dhuine amaideach, na chealgair a ta mealladh dhaoin’ eile, no na dhuine amaideach a ta ga mhealladh féin. Is cha ’n e so a mhàin ach 2. Feudaidh duine a bhi ro fhiosrach, feudaidh mòran eòlais a bhi aige mu nithibh spioradail, seadh, feudaidh iomadh tiodhlac àrd agus urramach bhi air am buileachadh air, agus gun a bhi na fhior Chriosduidh. Tha ’n t-Abstol ag innseadh dhuinn mu dhream, “nuair a b’ aithne dhoibh Dia nach d’ thug glòir dha mar Dhia,” bha ’g ràdh gur daoine glic iad féin, ach do’n d’ rinneadh amadain. Bha eolas ’nan ceann, ach cha robh diadhachd ’nan cridheachan. Mar an ceudna bha moran eolais aig na Phairisich, “Feuch goirear Iudhach dhiotsa, agus tha thu cur doigh san lagh, agus a deanamh uaill a Dia, agus is aithne dhuit a thoil, … agus a ta thu dòchasach gur ceann-iùil thu féin do na dallaibh, solus dhoibh-san a ta an dorchadas.” Gidheadh bha iad sin nan ginealach chealgairean, siol nan nathraiche nimhe, san taobh a stigh làn ceilg agus easontais. Tha eòlas ann a shaoras an t-anam, a ta treorachadh chum na beatha maireannaich, eòlas a ta dlùth cheangailte ri fior chreidimh agus giùlan naomh. “Is e so a’ bheatha mhaireannach, eolas a bhi aca ort-sa an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosd a chuir thu uait.” Tha dà sheors’ eolais ann, eolas coitchionn, agus an t-eolas a shaoras. Cha ’n e na h-uile eolas mu Chriosd a bheir an t-anam a chum na beatha maireannaich; nam b’ e c’arson a ta na deamhain air an sgrios? Tha tuille eolais aca-san mu Dhia, na tha aig uile dhaoine an t-saoghail air an cur comhla; oir ’n uair a thuit iad, ged a chaill iad an naomhachd, cha do chaill iad an eolas—a cheart eolas a th’aca-san tha aig na h-uile dhroch-dhuine tha deanamh dearmad air obair na slainte,—eolas a ta lionadh a’ chinn ach nach ’eil a drùghadh air a’ chridhe. Is ann aige-san a mhàin a ta eolas ceart air Dia, aig am bheil eolas gu ùmhlachd a thoirt da agus a ta toirt ùmhlachd dha a réir eolais. “Aca-san uile tha deagh-thuigse a tha coimhead aithntean.” Ach a bharrachd air a so, feudaidh, cha ’n e mhàin moran eolais a bhi aig neach, ach mar an ceudna tiodhlaca spioradail, àrd agus urramach, agus gun e bhi ’na Chriosduidh. Feudaidh e ùrnuigh a dheanamh, feudaidh e searmonachadh, feudaidh e fàidheadaireachd a dheanamh gun ghràs Dhé a bhi ’na chridhe. Feudaidh talanndan ar deanamh saibhir a thaobh dhaoine, ach is e gràs a mhàin a ni sinn “saibhir a thaobh Dhé.” Cha ’n urrainn iad an cridhe iompachadh, agus cha ’n urrainn esan a ta ’g earbsa asda dol a stigh do rioghachd neimh. Feudaidh iad duine a dheanamh fòghluimte, ach cha dean iad am feasd e na chreidmheach. Ann am briathran an neach sin mu’n do labhair mi cheana, “Feudaidh neach searmonachadh cosmhuil ri Abstol, ùrnuigh a dheanamh cosmhuil ri aingeal, agus gidheadh cridhe deamhain a bhi aige.” Bha tiodhlaca mòr aig Iudas, oir bha e na dheisciobull, na Abstol a searmonachadh an t-soisgeil, gidheadh tha Iudas “air dol g’a àite féin;” bha tiodhlaca mòr aig na Sgriobhaichean agus aig na Phàirisich, gidheadh “c’àit’ am bheil an duine glic? c’àit’ am bheil an Sgriobhaiche?” “Ni h-e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a theid a steach do rioghachd neimhe; ach an ti a ni toil m’ Athar-sa a ta air neamh. Is iomadh iad a their rium-sa san là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach d’ rinn sinn a t-ainm-se fàidheadaireachd? agus a t-ainm-se nach do thilg sinn a mach deamhain? agus a t-ainm-se nach d’ rinn sinn iomadh mior-bhuile? Agus an sin aidichidh mise os àird doibh, Cha b’ aithne dhomh riamh sibh; imichibh uam, a luchd-deanamh na h-eucoir.” Ma tha mòran mar so a’ dol sios a chum bàis, ma tha mòran ag imeachd anns na sligheanan a ni greim air ifrinn, agus iad an dùil aig ceann an turuis gu’m faigh iad do neamh, nach mithich dhuinne dùsgadh agus ar cor spioradail a gheur-rannsachadh, feuch am bheil sinn anns a chreidimh no nach ’eil? Ma tha mòran dol a mearachd air an t-slighe, “ag iarraidh dol a stigh agus nach urrainn iad,” nach iomchuidh dhuine sinn fein a cheasnachadh. Am bheil againn aidmheil fhaoin neo-tharbhach, no creidimh fior-ghlan agus treibhdhireach? Tha an t-anam buailteach do iomadh mealltaireachd, agus ma theid sinn cearr san dol a mach, tha ar n-iomachd uile cearr. Ma tha bhunait lag cha seas an tigh ri àm na tuil agus na doinnionn. Mar cuir sinn deuchainn oirnn fein a nis, cuiridh Sàtan deuchainn oirnn uair no uaireigin. Fasgnaidh agus criathraidh esan sinn; agus ma tha sinn a nis a deanamh taic ann an earbsa gun aobhar, bithidh ar crioch ann an eu-dochas gun fhuasgladh. Ni Dia fein ar toirt gu caithir breitheanais; fidrichidh agus rannsaichidh Esan sinn; agus co sheasas an deuchainn sin, nach d’fheuch riamh a chridhe féin? II. Tha so ’g ar toirt, anns an dara àite, a thoirt fainear, co iomchuidh is a ta chomhairle th’air a toirt duinn am briathran steidh ar teagasg, agus ciod a ta air fhilleadh a steach innte. “Deanaibh spàirn chruaidh gu dol a stigh air a’ gheata chumhann.” “Cha ’n ’eil slighe na naomhachd co comhnard, is cha ’n ’eil an rathad a ta treorachadh chum neamh co leathan, ’s cha ’n ’eil geata na slàinte co furasda dol a steach air is a tha moran am barail. Air a so tha ar Slanuighear féin a toirt fianuis,” Is cumhann an dorus, agus is aimh-leathan an t-slighe a ta treòrachadh chum na beatha, agus is tearc iad a ta ’g amas oirre.” Ach cumhann agus aimh-leathan mar a ta iad, feumaidh gach neach leis am bu mhaith anam a shàbhaladh dol a steach agus imeachd annta. “Mar beirear duine rìs, cha ’n fhaod e rioghachd Dhé fhaicinn,” Cha ’n e gum bheil an geata sinn cumhann ann féin; tha geata nan gràs fosgailte ré an latha, agus cha ’n ’eil gin air an dùnadh amach, ach iadsan a dhùineas amach iad fein. Cha ’n ’eil Criosd ag ràdh “ma thig a leithid so agus a leithid sud, cha tilg mi amach e,” ach “an ti a thig am ionnsuidh,” biodh e co sam bi e, no ciod sam bi e, “cha tilg mi air chor sam bith amach e.” Cha ’n ’eil e ag ràdh “ma thig an duine so no ’n duin’ ud eile, an so tha uisge dha,” ach “ge b’e neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.” Tha an geata farsuing fosgailte do gach neach, agus is e ’n coire féin mar teid iad a steach. [TD 12] Ach ged nach ’eil an geata cumhann thaobh Chriosd no ann féin, tha e cumhann do dhaoine, agus c’arson? Tha do bhrigh am peacannan agus an ana-miannan agus an truaillidheachd féin, tha cur bacadh orra dol a steach. Tha ’n geata cumhann dhàsan tha ’g iarraidh dlù-leanailt ri’ an-tograidhean féin, agus cha n-urrainn da gu siorruith dol a steach air. Cha n-urrainn an t-anam am feasd dol a steach fhad is a tha e leanailt ri aon iarrtus peacach, ge b ’e air bith co gràdhach, no co ionmhuinn is a ta e. Feumaidh sinn gradh do gach peacadh a leigeadh dhinn, am peacadh “a ta gu ro-fhurasda ag iadhadh mun cuairt oirnn,” air neo cha d’theid sinn am feasda a stigh air a gheata. Agus cha ’n fhaod sin an gabhail a rìs air ais thugainn, oir a ta an t-slighe cumhann mar an ceudna. Agus ciod i ’n t-slighe ach slighe na naomhachd? agus “as eughmhais naomhachd cha ’n fhaic aon neach an Tighearna.” An so, mata, tha an dòigh air a nochdadh dhuinn, anns am bheil sinn ri spàirn a dheanamh chum dol a stigh air a gheata chumhann. Le ar peacannan a threigsinn agus strì chum sinn féin a choimhead gun smal o ’n t-saoghal. Tha sinn ri so a dheanamh le creidimh fior-ghlan agus treibhdhireach ann am fulangus agus eadar-mheadhonaireachd an t-Slànuighear; le ùrnuigh dhùrachdach agus thric arson cuideachadh agus taic bho Dhia; le caitheamh-beatha agus giulan naomha neo-thruaillidh, co-chordadh do ’n aidmheil a ta sinn a deanamh; agus le fad-fhulangas agus foighidinn fuidh gach trioblaid a dh’fhaodas Dia a leigeil nar caramh. Feumaidh sinn gach latha bàsachadh do’n pheacadh, feumaidh sinn gach latha teachd beò chum fìreantachd. Cha leòir gum bheil sinn an taobh stigh do ’n Eaglais fhaicsinneach, gun deachaidh ar baisteadh, gu’m bheil sinn a tighinn gu riaghailteach do ’n Eaglais, gum bheil sinn a suidhe sìos aig bòrd comunnachaidh, agus nar buill iomchuidh do ’n Eaglais o’n leth amuigh. Cha leoir e gum buin sinn do ’n Eaglais ud no do ’n Eaglais ud eile,—gum bheil sinn D eudmhor mu ghnothuichean na h-Eaglais,—gum bheil sinn beusach neo-choireach nar giùlan. Cha leoir e ged tha sinn fiosrach anns na Sgriobtuirean, eolach ann a nithibh spioradail. Cha leoir e ged a bhiodh tiodhlaca mor againn, ged a dheanamaid ùrnuigh bhlasda, ged a theagaisgeamaid daoin’ eile gu h-éifeachdach agus gu deas-bhriathrach, ged a dheanamaid eadhon nithibh mior-bhuileach an ainm Chriosd. “Feudaidh sinn deamhain a thilgeadh amach na ainm, agus sinn fein bhi air ar tilgeadh amach mu dheireadh.” Gidheadh, ann an aon fhocal, cha leoir e ged a choi-lionamaid o’n leth a muigh gach dleasdanas, is ged a choimhdeamaid gach àithne, tha mar fhiachaibh air an fhior-chreidmheach. “A mhaighstir,” ars’ an t-oganach ri ar Slànuighear, “choimhead mi iad so uile o’m oige.” Thuirt Iosa ris, “a ta aon ni a dh’uireasbhuidh ort.” Fhads’ nach ’eil gràs Dhé agus fior-chreidimh ’sa chridhe, tha gach ni eile mar dhiomhanas agus nan ribe, agus ’nan ceap-tuislidh do’n anam. Agus a nis, aon fhocal riu-san nach ’eil a’ cur na nithibh sin an suim. Ma tha iomadh mar so a dol fad air an t-slighe gu neamh, ag iarraidh dol a stigh agus nach urrainn iad, ciod is crioch dhoibh-san a tha caoin-shuarrach mu obair na slainte? Ciod a thachras do’n mhisgeir, do luchd-innseadh nam breug, do luchd-bristeadh na Sàbaid, do luchd nam mionnan, dholbhsan a ta nan luchd fanoid, seadh do gach peacach a tha toirt srian da ana-miannaibh féin? Ma ta esan a ta ’g aideachadh Chriosd a treigsinn iomadh peacadh, agus a deanamh iomadh ni maith, air sgàth Chriosd, gu tric air a dhiteadh; ciod a bhinn a bheirear a mach orra-san a ta ’g àicheadh Chriosd, agus a diùltadh dealachadh ri aon ana-miann, ri aon chleachdadh air a sgàth; aig am bheil cridhe cruaidh an taobh a stigh dhiubh, agus beatha mi-dhiadhaidh air an taobh a mach? Na mealladh neach, mata e fèin. Is ni uamhasach tuiteam ann an làmhan an Dé bheò. Cuireadh gach neach deuchainn air fèin. “Ceasnaichibh sibh-pe, feuch am bheil sibh anns a’ chreidimh; dearbhaibh sibh-pe.” Agus gun deonaicheadh Dia dhomhsa agus dhuibhse dùsgadh o gach cadal bréige, o gach sìth mheallta, agus air dhuinn greim a dheanamh air Criosd, dlùth leanailt ris gu dìleas, a fulang gu foighidneach agus a buannachadh gu seasmhach, gus an criochnaich e obair féin annainn. That what is contained on this and the twenty-seven preceding, pages is a true and correct copy lodged by Mr. John Gregorson Campbell with the Presbytery of Mull, as one of the sermons preached by him at Tyree, as Presentee to that Parish, by appointment of Presbytery, is attested this 25th day of April, 1861, by (Signed) JOHN MACLEOD, Presbytery Clerk.