[TD 1] MARBH-RANN DO’N URRAMACH IAIN MAC-FHEARGHAIS, MINISTEIR CHILNINBHIR AGUS MHEILEIRD ’AN EARRAGHAEL. LE ANNA NIC-FHEARGHAIS, ’AN SGIREACHD A’ CHLACHAIN ’AN CEANNTIRE. CLOBHUAILTE AIRSON, AGUS R’AN REIC LE DUGHALL MAC-FHEARGHAIS. MDCCCLV. [TD 2] [Bàn] [TD 3] MARBH-RANN, &c. An dàn so seinneam mu’n bhuachall Tha’n tàmh ’san uaigh ann a chadal; Leam gu’r duilich a’ chuis ud Do chlann a’ chùmhnaint r’a h-aithris; Bu tu an saighdear nach striochdadh, Sheas thu dìleas fo’n bhrataich; Thog thu cuing an Fhir-shaoraidh, ’S mheas thu eutrom an t-eallach. Do chéilidh dhiombuan mar chuairtear ’San tìr s’ cha d’ fhuair thu ach tamull; Bu tu’n gleachdair an uaigneas, Mar Iacob fhuair thu a’ bheannachd: Rinn sud thu sultmhor ’s an fhirinn, Mar bhlàth a’ dìreadh gach latha; ’S dh’eirich tuilleadh ’us buaidh leat Trìd an Uain ’rinn do cheannach. Anns an doilleireachd ùdlaidh Las gu h-ùrar do sholus, Bu reult thu ’shoillsich làn àilleachd, Is fior gu’r tràth chaidh thu fodha; Is buan an cadal a dh’ aom ort ’San tigh chaol tha gun solus; ’S fhada t-oidhche gun saothair, Do lamh, a ghaoil, cha dean togail. [TD 4] Ge buan an cadal tha sgeul ort, An làithibh feum rinn thu obair; Ann an earrach na h-òige Tharruing beò-uisg’ o’n tobar; Ged bha beuchdaich luchd-fuath riut, Mar thonnaibh uaibhreach na mara, Air a’ charraig ’tha còmhnard Thog thu’n còmhnuidh do dhachaidh. Threabh thu’n t-achadh le dochas, Pòr nan deoir chuir thu fasach; An diugh ged ’s tosdach ’san uaigh thu, A’d’ chlosaid fhuaraidh, cha’n fhada Gus am bris ort an fhàire, Solus àigh air do leabaidh: Dhuit bidh’n aiseiridh luachmhor, Le gradh ’s tu bhuanaich ri faire. Bu tu’n teachdair ’bha éudaicht’ Bha lann gheur ort an tarruing; Le beo-chlaidheamh a’d’ dhòrnaibh ’Rinn do chòmhnadh ’sa’ bhatailt: Bu gheug thorach thu ’lùbadh, Tais le drùchd ’o na flaitheas; Ort tha iomhaidh Fir-saoraidh ’Dhoirt fhuil chraobhach gu d’ cheannach. Bu ghaisgeach armaicht’ thu’n còmhnuidh, Gun gheilt ’thug chodhail do’n teachdair’, A’s do ghathan bha bàsmhor, Cha robh sgàth ort r’am faicinn: Ged a thuit anns a’ bhlàr thu Rinn an gradh dhuit cul-taice, A’s ann an carbadaibh slàinte Fhuair gle shabhailt’ thu dhachaidh. [TD 5] An togail Shioin is bearn thu, Tha tigh Iacoib fo fhadail Bho’n là ghearradh le bàs thu, ’S gu’n do làith’reachd bhi mar riu. Co am pàrant ’rinn t-àrach Nach dean gairdeachas tharad, ’S tu ’nis mar rìgh air do chrùnadh Ann an lùchuirt nam flaitheas? ’S ann bha’n aonachd neo-chriochnach Eadar Criosd agus t-anam; Rinn sud thu ’d’ theachdaire dìleas ’Bhrìgh ’s an fhirinn gu’n d’ fhan thu; Fhuair thu urram nam bràithrean Anns gach àit ’rinn thu ’thathaich: Nochd thu sìobhaltachd shuairce, Gràdh gun fhuath do gach anam. Ann an rùntaibh Iehòbhah Fhuair thu fòghlum a’s fiosrach’: ’S tric a theagaisg thu ’n t-eòlas A dh’fhuadaich bròn ’sa thug misneach; B’ait bhi suidhe fo dhuibhre Do dhuillich chubhraidh ’s do mheasan, Bha’n lagh ’s an soisgeul le chéile Glan r’an eisdeachd ’o d’ bhilibh. Le mais, an soisgeul na bhuaidhean, ’S tu dh’ fhosgail suas e do ’n aithreach’, ’S na thuig le taitneachd an fhuaim ud Ghrad aom an cluas le làn air; ’Uile gheallanna glòrmhor Do’n anam leonta rinn aithnicht’— An tobar meal’ as an d’ òl thu D’a ionnsuidh threoraich an t-ainis. [TD 6] An lagh cha d’ leig thu air di-chuimhn, Bha e prìseil a’d’ shealladh; Sheid thu ’bhagraidhean uamhainn An cluas an t-sluaigh nach d’ghabh rabhadh, Uile mhallachd Shinài Sgaoil gun bhàigh iad nan sealladh: Thug thu dùlan do dh’ uaislean, A’s cha robh fuath ’s ort r’am bagraibh. Sheas thu daingean ’san fhìrinn, ’Tarruing brìgh as an fhacal; Bha’n sìol a chuir thu neo-thruaillidh, ’S na thuig an fhuaim rinn ris aiteas: Ghiulain Spiorad na fìrinn ’O d’ bhilibh sìochail am facal A dh’ionnsuidh cridhe nan uaibhreach, A sgoilt, ge b’ chruaidh iad, nam blaighean. Tharruing t-anam, le dìcheal, Sùgh á fionain nam meangan: ’Mach á stòr-thigh a’ chùmhnaint ’S tric fhuair thu ùrachadh beatha; Neoil tha nis air do chul-thaobh, ’S grian na h-ùdlachd cha’n fhaic thu, A choidhch’ an tobar cha tràigh ort. A’s Uan a’ ghràidh riut an taice. ’S i grian an àigh ort a dh’éirich Chuir solus éibhinn a’d’ anam; ’S moch a dh’iarr thu’m Fear-saoraidh, A’s d’a chaoirich thug aran; Mar sud ’s na h-uain ’bha neo-threubhach Rinn thu treun iad le bainne; Air an innis tha luachmhor Threòraich sluagh ’bha ri faire. [TD 7] Bu tric an lomnochd a chòmhdaich, A’s do’n deòraidh thug aran, Sgaoil thu’m bord a bha fialaidh Roi’ luchd-iarraidh an rathaid: Bha thu ’d’ mheadhon gu stiùradh Nan dall gu dùthaich a’ gheallaidh, Is tric a neartaich na glùinean, ’S do’n chridhe bhrùite thug athais. Riamh cha b’ ait leat bhi ’saodach Caoraich shaoirt’ air an achadh; Ach air raogha nan cluantaibh, Laimh ri bruachan na h-amhann; Far am mò bhiodh an drùchda ’Luidhe dlùth air gach badan, ’S far am briseadh na ròsan ’Mach le’n òirdheirceas dhathan. Bha’m Fear-saoraidh leat luachmhor, B’e ’n neamhnuid luachmhor a shir thu, Sud rinn t-armachd cho buadhmhor, ’S riamh an ruaig ort cha bhitheadh; Sheid thu gall-tromp na firinn Gu tairis, dìleas mar shireadh; Ort bha clogad na slàinte ’Rinn do thearnadh gu minic. Bha sgiath a’ chreidimh ga d’chòmhdach, Le ’muchadh leònadh gach saighead; Bha thu crioslaicht’ le fìrinn, ’S uil’ armachd Ios’ ort ga caitheadh; Bha seul an Spioraid gu dluth ort A’ toirt dhuit rùintibh chum soluis; Seud chaidh cheannach le luach thu, Clach ro luachmhor ’san togail. [TD 8] Bu gheug ’bha torach a’d’ chuairt thu, Mar ùr chrann uaine ’am fasgadh, Dh’òl á seimh uisg’ an fhuarain ’N uair bha cruaidh-chàs a’s tart ort; ’S ged robh ìot air na h-òighean Do chopan òir-s’ bha ’cur thairis; ’S ge d’ robh gainn’ air an lòn ac’ Bha ’m mana beò dhuit làn aithnicht’. Do thigh bha deasaicht’ an òrdugh, ’Sa ghna do lòchran a’ lasadh, ’S tu a’ feitheamh thoirt còmh’ail Do’n fhear-phòsda ’n uair b’ ait leis Teachd d’a lios as a sheòmar ’Thional ròsan leis dhachaidh, ’Shuidhe sìos aig a bhòrd-san ’Mhealtainn sòlas a’ gheallaidh. ’Nis ’san oighreachd neo-thruaillidh Chaoidhch’ cha ghluaisear le duin’ thu; Am feasd cha choinnich thu leòmhan Anns an ròd ’thoirt dhuit tuisleadh: Cha bhi ocras no ìot’ ort, ’S cha chaith an t-sìorr’achd do thrusgan, ’S làn a’ mhuir as am feud thu Ol gu saor gun cheap tuislidh. Do phailliun creadha o’n dh’ fhàg thu Fhuair thu àrd ann an urram, Fhuair thu’n comunn righ Daibhidh, Mhaois, ’s na fàidhean gu h-uile; Ghiulain aingle thu sàbhailt’ Ga h-uchd Abrahaim tuilleadh, ’S na prìomh-aithr’ean cha’n àicheidh A nis do làith’reachd ’nan cuideachd. [TD 9] Tha Haleluiah na mòrachd Le mais an glòir an ad’ shealladh— Tha thu ’cantainn an òrain Bha thu ’fòghlum air thalamh:— “Is beannaicht iadsan da-rìreadh Ann an Ios’ a rinn cadal, Fhuair iad fois ’o an saothair,” ’Sa chaoidhch bi’dh ’ghaol-san doibh maireann. LAOIDH. Tog dealradh do ghloir, air deoraidh ’th’air chuairt, Neo-aithridh air comhnadh, trid goraich mo ghluas’d; Aig stòl cois’ do throcair, cum beo mi gach uair, Led’ Spiorad thoir seoladh, ’s biodh m’oran ’chum buaidh. Theich treise mo latha mar aisling gun bhrigh, Na neoil ’nis tha ’g aomadh, ’s tigh’nn daonnan ni’s isl’, Tha’m feasgar air ciaradh, ’s mo ghrian a’ dol sios: Cha’n fheud mi ’bhi diomhain, ’s air iarraidh ’bhi ’strith. Grad mhosgail O m’anam a’s fairich ’o d’ shuain, A’s eirich ’chum cogaidh ’s dean t’obair gu luath; Ort eideadh an t-soluis ’an toiseach do chuairt: ’S tog iobairt ’bhios fallain air altair ’nam gluas’d. ’Dol ’suas trid na fasaich, bithidh gras dhuit mar sgeith, Oir buaireanna Shatain gu laitheil, ni d’ theum; Bidh nathraiche nimhe ’nam filleadh roi’ d’ cheum, Biodh t-armachd r’a sireadh, ’s grad ribear thu’m beud. [TD 10] ’S a’ cheum anns am feum thu gu h-eibhneas bhi ’triall Ort tachraidh luchd-reubainn, ’s do theumadh ’s e ’miann; Riut leomhain bidh ’beucaidh, mar dhìreas tu’n sliabh— A’ tagradh ’s tu dh’ fheumas sior eigheach ri d’ Thriath. Mar seas thu le seoltachd an còmhnard a’ bhlàir, T’ uil’ armachd làn òrduigh, ’s do dhòchas gu h-àrd: Thu ’faire mar ’s còir dhuit, ’s a’ tigh’nn beò ann an gràdh, Thig saighdean ’bheir leon ort, ’s cha’n eol dhuit cia ’n àird, Sud tràighidh an tobar, an comunn, ’s an ceol, ’N uair dh’aomas an cridhe ri h-iodhala breoit’; ’N uair dhomhl’eas an t-slighe le h-iomadaidh ceo, Thig caoil’ mar gun fhios ort ’bheir sileadh air deoir. ’S tric truailleachd ar naduir ’g ar fagail gun treoir, ’S a’ mùchadh a’ ghaoil ’bu chòir daonnan bhi beo; ’N uair bhios claidheamh na firinn neo-dhìleas ’n ar dórn, Bidh caidreamh Fir-saoraidh air faontradh ’s an ròd. Na fannaich, O m’ anam, tha fathasd ’an glôir Fear-tagraidh ’s a’ chathair ’s cha lagaich a threoir; Tha ’thròcair gun mhealladh ’sa ghealladh gun ghò: ’S ort seididh e’n anail ’dh’ath-bheoth’cheas do threoir. Dha urram tha dligheach, ’s e lighich’ nam buadh, A cheanglas an cridhe ’chaidh a bhriseadh na smuais; Beo thobar e ’sileadh do’n mhil a chuir gluas’d Air cuibheal gach cridhe gu Sion theid ’suas. Na meataich, oir chual thu nach fuaraich a ghradh; Cia dìleas a lotan ’s tu ’g obair fo ’sgàil, Cha chaillear aon osna tha ’togail le gràdh; Oir fosgailt tha’n tobar na lotan ’ni slàn, ’S e gliocas gun mhearachd, a’s maitheas nach traoigh, Roi’n dris a’s roi’n draighean ni’n rathad dhuit saor: ’An tuineachadh taitneach tha ’n t-anam làn gaoil, Cha ribear le droighionn, ’s cha’n fhuad’ear le gaoith. ’N uair ’thuiteas ort cadal a’s tromadas bàis Trìd cuspairean meallaidh ’g ad’ tharruing o ’ghràdh; [TD 11] Cuir dìchioll ri faire, ’s bi armaicht’ gun dàil: A’s seas air do chasan fo bhrataich na slaint’. ’N sin brisidh do sholus mar shoilleireachd là, A’s tuitidh an t-eallach ’bha lagadh gach càil; A’s togaidh an t-anam air carraig na slàint’, ’S bidh ’aoibhneas do-labhairt aig cathair nan gràs. Gun gheilt a’s gun chùram thig dlùth nis le gràdh Do’n Tì ’rinn thu cheusadh, ’sa reubadh le tàir, Tha tròcair a’s firinn ’nis siothchail ’na bhàs, Tha ceartas a’s siochainnt ’co-shìneadh le gràdh. Feuch ’nis a chrann-ceusaidh fo’n eigin dhuit fàs, ’Ga ghiulan ge d’ b’fheudar fo dheuraibh gach là, ’S e meangan ’s an t-Uan e thug buaidh air a’ bhàs, T’ fhear-posd’ e ’s cha dual dha bhi’n gruaim riut gach là. ’Bi dileas car tamuill, ’s gearr làithean do bhròin, Gus an ruig thu an caladh am bheil caithream a’s ceol, ’S am measg thu gun fhadal feadh bhraithrean an glòir A tha ’seinn nis air clàrs’ean ’s Hosanah nam beoil.