[TD 1] BEATHA IAIN BHUINIAIN. EADAR-THEANGAICHTE LE DONNCHADH MAC DHUGHAILL. DUN-EDIN: Clo-bhuailte air son an Eadar-theangair, LE THORNTON AGUS COLLIE, AN SRAID DHAIBHIDH, AN NAOMH. 1848. [TD 2] [Bàn] [TD 3] PREFACE. JOHN BUNYAN died August 31st, 1688, aged 60 years. He wrote sixty different works between 1656, and the time of his death. Of these he published 45 during his lifetime; leaving 15 more in manuscript. In the year 1692, his friend Charles Doe collected a number of his works in one large volume, in folio; with a Life of Bunyan, and a chronological list of his various works, including those left in manuscript. This volume contains twelve of the posthumous works which he obtained from the Author’s family. The Heavenly Footman was not printed in that volume; but Doe informs us that he purchased the copy from Bunyan’s eldest son, John, in the year 1691. He afterwards published it, with the life, list, &c., in the year 1698. Doe was the intimate friend of Bunyan, and he relates several interesting particulars concerning him during the time of his imprisonment. He informs us that he became acquainted with Bunyan, while the latter was [TD 4] in Bedford Jail; but it is not very certain whether Doe was a prisoner there, or not. In speaking of the long and cruel imprisonment of twelve years and a half, which Bunyan suffered, under that cruel and arbitrary government, we find many proofs of the calmness and Christian fortitude which supported his mind under that dispensation, in his “Prison Meditations.” He felt that he was suffering in a good cause; and found that his enemies could not deprive him of that peace of mind that he enjoyed in the full assurance that he had only done his duty, and that he was suffering for the Truth. It is consoling to see how the good man bore his sufferings with that meekness and resignation, which his persecutors could not take away, and which the world could not give. Our Translator has used the second edition of the Heavenly Footman, printed at Edinburgh, in the year 1702. He has endeavoured to give the Author’s meaning as nearly as the various idioms of the two languages would admit, without following the exact order of words, or the peculiar phraseology of the original. GLASGOW, October 1848. [TD 5] BEATHA IAIN BHUINIAIN. RUGADH IAIN BUINIAN ann an Elstow, an siorramachd Bhedford, dlùth air mile o ’n bhaile sin, anns a’ bhliadhna 1628; bha phàrantan onarach ach cha robh moran do’n t-saoghal aca; bha shinnsearrachd do’n ghinealach sin a bu suaraiche na bu tàireile do theaghlaichean na tìre. ’S e bu cheaird da athair a bhi càramh phoitean agus choireachan, agus se ’n ceard a theireadh iad ris. ’Nis cha’n aithne dhomh cò anns an robh briathran abstoil mòr nan cinneach ni bu mhò air an nochdadh na ann an Iain Buinian; ’na chèud chaibidil do’n cheud litir chum nan Corintianach, ’s iad so na facail: Oir chi sibh fein bhur gairm, a bhraithre, nach iomadh iad a ta glic a thaobh na feòla, nach iomadh cumhachdach, nach iomadh uasal a ta air an gairm; ach ròghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail so, chum gu’n cuireadh e nàire air na daoine glice; ionnus nach deanadh feòil ’sam bith uaill’na fhianuis: Agus bha esan ullamh aig gach uile am air so aideachadh, chum gu’m biodh aig Dia glòir ’na ghràs fein; oir ged nach robh a shinnsearrachd agus a bhreith ach bochd agus suarach, gidheadh b’ e toil an Tighearna esan a thaghadh air thoiseach air [TD 6] mòran eile gu bhi na mheadhon chum mòran anamaibh a thoirt a dh’ionnsaidh Dhé. Agus gu’m biodh gràs Dé bha air a thoirt dhàsan mòran ni ’s mò air a mheudachadh; bheir sinn beagan do chunntas aith-ghearr mu’n t-seòrsa duine bha ann mu’n d’fhoillsicheadh gràs Dé dha. Thug a phàrantan oidheirp air an ionnsachadh sin a thoirt dha bha comasach dhoibh a thaobh an staid, ga àrach suas ri leughadh agus sgrìobhadh; ach bha truaillidheachd a naduir cho mòr, agus e toileach dol a dh’ionnsuidh gach uile olc, agus cha b’fhada gu’s an do leig e as a chuimhne, a sgrìobhadh agus a leughadh, cha robh e ach glic amhàin chum uilc; ach a dheanadh na dh’ionnsachadh an ni sin a ta math, cha robh an cridhe aige idir air a shon; oir thug e thairis e féin dìreach na leanabachd gu mionnachadh, mallachadh, breugan, agus toibheum, ’s bha iad tearc a bha co-ionann ris ann an aingidheachd; tha cuimhne agam gu’n cuala mi e ’g ràdh le cràdh cridhe; gu’m b’ e peacach a bu mho ’s a’ bhaile, ’s e sin ra ràdh, neach a thugadh an aire dha, agus na aon a bha comharraichte air son aingidheachd, leis gach uile neach a bha anns a’ bhaile anns an robh é: Gidheadh cha robh a choguis air a losgadh. Ach air son aingidheachdan uile, ’s ged a bha e na pheacach ro mhòr, cha do thréig an Tighearna e gu tur, ach bhiodh e ga leantuinn air uairibh le dearbhaidhean, agus air uairibh le breitheanais, ach gidheadh, iadsan anns an robh measgadh do throcair; thuit e uair éigin ann an geodha creige do’n mhuir, agus is ann air éigin a thearnadh e o bhi air a bhàthadh; agus uair eile thuit e mach á bàta do abhainn Bhedford, agus bha e air a shàbhaladh o’n bhàs an sin mar an ceudna: Ach, mo thruaighe! cha deanadh aon chuid tròcair na breitheanas a dhùsgadh fathast, oir thug esan thairis e féin do ghràdh a pheacaidh, agus bha e suidhichte gu dol an [TD 7] deigh a pheacaidh ciod air bith an cruadal a choinnicheadh e na shlighe. Gidheadh, cha d’fhàg Dia e gu’n fhianuis a bhi aige na anam, bha e tric ga bhacadh ann an aon doigh na doigh eile. Air dhà bhi aon latha a’ cluiche maille ra chompanaich, ghlaodh guth gu grad bho neamh ra anam, a’g ràdh, am fàg thu do pheacaidhean agus dol do neamh? Na’n e ’s fearr leat do pheacaidhean a bhi maille riut agus dol do ifrinn? Chuir so a leithid do uabhas air, ’s gu’n d’fhalbh e gu’n dàil o’ chluich, agus air dha amharc suas gu nèamh, shaoil e gu’m faca e an Tighearna Iosa a’g amharc a nuas air, mar aon a bhiodh ann an teas féirge ris, agus e bagairt dioghaltais chràiteach air, air son a chleachduinnean mi-dhiadhaidh. Ach faicibh cuilbheartan Shàtain! cha bu luaithe rinn so ni éigin do dhrùdhadh air ’inntinn, na chuir an diabhol na chuimhne gu’n robh e na pheacach anabarrach mòr, agus gu bheil e nis tuilleadh is anmoch air do shon ’sa bhi ’g amharc air son nèamh, oir nach deanadh Criosd tròcair air, ’s nach mathadh e dha easantais. Agus cha bu ni ’s am bith eile bha ’n so ach cleachduinn a ghnathaicheas an droch spiorad gu tric; tha e ’s a’ cheud àite air son peacaich a tharruing gu bhi ’cur an gnìomh gach uile aingidheachd, agus a strì ra thoirt orra dheanadh le’n uile thoil, agus an sin ga ’n earalachadh nach ruig iad a leas dòchas a bhi aca gu’n deanar tròcair orra; agus leis a sin ’s tric a bhuadhaicheas e air peacaich chum ’s gu’n rachadh iad air an aghaidh ann am peacadh. Agus be so an toradh a thug a’ chuid so do obair Shàtain a mach air Iain Buinian; gu’n robh e ’g amharc air féin mar neach a pheacaich an taobh thall do thròcair; smaointich e ann féin gu’n gabhadh e dhìol do’n pheacadh, ’s gu’m be sin an aon toilinntinn amhain, a réir coltais, ris an robh e toileach gu bràth gabhail. Ach chi sinn fathast na [TD 8] toilinntinnean sin a pheacaidh, tre obair iongantach an spioraid naoimh, a bha gu tric o’n am sin air an deanamh searbh dhà, gu ’s nach b’urrain e ach gle bheag toilinntinn a ghabhail annta. Eccles. x. 15.—Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon diubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a théid e do’n chaithir. Air dha aig àm àraidh a bhi dol air aghaidh ann an làn chùrsa pheacaidh, agus e taomadh a mach mhionnan coltach ris an fhear-chuthaich a tha Solamh labhairt uime, a tha tilgeil a steach culaidh bhuairidh, saighdean agus bàs; fhuair e achmhasan geur o bhoirionnach a bha na peacach comharraichte i féin, thuirt i ris, gu’m be ’n t-aon duine bu ghràineile mhionnachadh a chuala i riamh o’n a rugadh i; agus, ars ise, ma ’s e agus gu’m buanaich thu air an dòigh so, tha thu comasach air òigridh a’ bhaile gu léir a thruailleadh, ma’s e ’s gu’n téid iad ann do chuideachd: Air do’n achmhasan so teachd o a leithid sud do bhoirionnach agus fios gu ro mhath aigesan gu’n robh i anabarrach aingidh agus mi-dhiadhaidh, lìonadh e le nàire dhiomhair; agus dhrùidh e mòran ni bu truime air, na rinn mòran a bha air a thoirt dha roimhe sin leòsan a bha stuama agus diadhaidh. Agus thug e air a bhi guidhe gu’n b’fhearr leis nach robh riamh fios aige ciod e bhi na fhear-mionnachaidh; agus o’n am sin amach chum e air féin ann an tomhas mòr uatha. Tha e fein ag innseadh, agus iongantas air, mar a thachair, gu’n do chuir e o’n uair sin cùl ra mhionnan, air dha bhi roimhe sin gach uair a labhradh e a mionnachadh sa bòideachadh aig toiseach ’s aig deireadh gach facail, chum a chainnt ghràineil agus uabhasach a dhaingneachadh. Ann an uine ghèarr an deigh sin, thachair dha bhi ann an cuideachd aon duine bochd a bha ’g aidmheil na diadhachd, ’s aig an robh còmhradh diadhaidh agus o’ na sgriobtuirean a dhrùidh gu [TD 9] mòr air, agus le mòr spéis do na labhair e thug Buinian thairis e féin gu bhi gabhail mòr thoil-inntinn ann a bhi leughadh a Bhiobaill, gu h-àraidh an eachdraidh dheth; ach bha e fathast aineolach an da chuid air truailleachd agus aingidheachd a nàduir, agus air mòr-fheum agus luach Iosa Criosd a chum a thearnadh. Gidheadh, thoisich ni-éigin do ath-leasachadh air o’n leth a muigh, araon na chainnt ’s na ghiùlan, agus an sin bha e air teachd a dh’ionnsuidh seòrsa creidimh a bha laghail ag oibreachadh air son beatha, agus a’ deanadh suas fìreantachd air a shon féin leis an ni sin, agus mar sin ’n uair a shaoileadh e gu’n robh e coimhead nan àitheantan, bha co-fhurtachd aige; ach ’n uair a thachradh air uairibh gu’m bristeadh e aon diùbh, an sin bhiodh a choguis fo dhoilghios agus fo thrioblaid, agus le bròn agus aithreachas, leigheisadh se e fein a rithist, agus smaointicheadh e ’n sin gun robh e toileachadh Dhé, agus gun robh gach uile ni gu math. Agus lean e air an dòigh so gu math dlùth air bliadhna, agus bha ’choimhearsnaich rè na h-ùine so ga ghabhail air son a bhi na fhior dhuine math, agus ag gabhail iongantais, ra ath-leasachadh, ged a bha e re na h-ùine cho fada o shlighe na beatha, sa bha e ’n uair a b’ esan an neach a bu mhò mi-naomhachd, oir labhair a bheul fein na briathran so uime féin; bha chaithe-beatha ’nis air atharrachadh cho mòr, is ged a dh’fhàsadh Tòmas Cuthaich na dhuine socair ciallach. Agus a nis an dream a labhradh gu h-olc uime roi ’n àm so, is ann a thòisich iad air toirt cliù dha, agus ga mholadh; ach air son an ath-leasachaidh a thainig airsan, is ann a sheid an t-ath-leasachadh, ud suas e le uaill, agus lìonadh e le cealgaireachd. Ach, mo thruaighe! Cha robh anns an ni ud ach leum bharr meanglain a pheacaidh, am feadh a bha freumh an neo-ath-ghineamhuinn gun chaochladh. [TD 10] Cha robh e fada na dheigh sin, mar a dh-òrduich freasdal an Tighearna gun rachadh e gu Bedford chum oibreachadh air a cheaird, (bha e dh’aon cheaird ri ’athair na cheard) agus thachair air aon do shràidean a’ bhaile sin gun tàinig e far an robh triùir na ceathrar do mhnathan bochda ’nan suidhe aig dorus anns a’ ghréin, a labhairt ra chéile mu thimchioll nithibh a bhuineas do’n Tighearna; agus thug so air tarruing dlùth dhoibh, oir bha e mu’n am so air fàs treun air labhairt mu chreideamh agus mu nithibh diadhaidh, ach ’n uair a chuala e iadsan car beagan ùine, mar a dh’aidich e féin, chuala e gu dearbh, ach cha do thuig e, oir labhair iad air nithibh os-ceann a thuigse. Labhair iad mu thimchioll na nuadh-bhreith, obair Dhé air an cridheachan, agus mar a bha mothachadh aca air an staid a thaobh nàduir, bha iad a labhairt mu thimchioll mar a dh’fhiosraich an Tighearna an anamaibh le a ghràdh troimh an Tighearna Iosa Criosd, agus mu thimchioll nam briathran agus nan geallaidhean o’n d’fhuair iad ùrachadh, neart, co-fhurtachd, agus cuideachadh an aghaidh buairidhean Shàtain; bha iad mar an ceudna ’reusonachadh air na sanuis agus buairidhean an droch aoin gu h-àraidh, agus ag innseadh da chéile na nithibh a chuir doilghios orra, agus mar a bha iad air an cumail suas an aghaidh a dhroch oidheirpean, agus chuala e mar an ceudna iad a co-labhairt mu thimchioll truaighean an cridheachan féin, am mi-chreideamh, agus a dìteadh’s a géur-fhuathachadh am fìreantachd féin, mar ni salach agus neo-fhoghainteach chum math sam bith a dheanadh dhoibh. Agus thaisbean so dhasan a bhi air a labhairt le ’leithid do ghuth gairdeachais, agus le a leithid do chainnt thaitneich o ’n sgriobtur, agus le ’leithid do choltas gràis anns gach ni a’ labhair iad, is bha iad na bheachd mar gu’m biodh iad an deigh saoghal nuadh fhaotainn; mar gu’m biodh iad ’nan sluagh [TD 11] a bha gabhail còmhnuidh air leth, ’s nach robh air a’ meas am measg an coimhearsnach. Air. xxiii. 9. B’ ann o ’n cho-labhairt so bh’ acasan, a thòisich e air faireachduinn crith, agus gluasad neo-àbhaisteach na chridhe féin, agus is ann an sin a thoisich e ri bhi ga fhéin-cheasnachadh féin; leis a sin fhuair e amach nach robh a staid idir co math sa bha dùil aige; do bhrìgh na uile smaointean timchioll air diadhachd agus slàinte, cha tàinig an nuadh-bhreith riamh na inntinn, is mar sin fhuair e amach gu’m bu ni sin air an robh e gu tur na choigreach agus gun robh e aineolach air, ni mò bha eòlas aige air comhfhurtachd o ’n fhocal na o ’n a geallaidhean, na air cealgaireachd agus foilleileachd a dhroch cridhe féin. Air son smaointean diomhair cha tug e riamh an aire dhoibh, ni mò thuig e idir ciod bu chiall do bhuairidhean Shàtain, na cia mar a thuigeadh e iad, na chuireadh e nan aghaidh. Ach gidheadh, bha ’n conaltradh so bha aig na mnathan ud air drudhadh air gu trom, agus bha e ro thoileach gu’n cluinneadh e tuilleadh mu na nithibh so; agus uime sin, chleachd e gu tric a bhi dol an cuideachd na muinntir ud, oir bhuin an Tighearna ra chridhe leis a’ chonaltradh sin; oir bha e air aomadh gu bhi dol maille riù. Agus bha inntinn cho dùrachdach chum eolas fhaotainn air na nithe so, gus an robh a chridhe coltach ri deal-each air a chuisle, “ag éigheach, Tabhair, Tabhair,” Gnàth. xxx. 15. cho dian ’s nach robh ni sam bith a thoilicheadh e ach diomhaireachd a’ chreidimh a bhi air a thaisbeanadh na chridhe féin; ionnus gun robh anam cho suidhichte air siorruidheachd, agus air na nithibh a bhuineas do rioghachd Dhé, co fada sa bha fios aig air, air chor ’s nach deanadh toilinntinn, buannachd, comhairlean, na bagraidhean toirt air a ghréim a leigeil as; a mheud as gun cuala mi e ’g radh, gu’m biodh e aig an àm sin cho deacair ’inntinn a thoirt o’ neamh gu talamh, mar a mhothaich [TD 12] e iomadh uair o ’n àm sin a thoirt o ’n talamh gu neamh. Ach an deigh do ghràs diadhaidh mar so a bhi air ’fhadadh na chridhe, dh’ fheuch an diabhol gu cruaidh le iomadh gaoth bhuaireasach chum an gràs a sheideadh amach a rithist; a toirt air iomadh fàth-gearain a bhi aige na aghaidh féin, gun robh e air a thilgeil air falbh, agus na neach aig nach robh creideamh idir, agus aig nach b’ urrainn gu bràth a bhi, do brìgh ’s nach robh e air a thaghadh. Bha e ùine fhada fo thrioblaid le buairidhean a bha ro ghoirt, mar a thubhairt mi roimhe so; agus bha tri nithe a ghnàthaich am buaireadair chum esan fheuchainn; bha aon ni mòr ann, a bhi ga cheasnachadh fein dh’fheuch an robh creideamh aige; bha ’leithid so do do smaointean a teachd tric na inntinn; cia mar a tha thu dh’easbhuidh creidimh? Agus cia mar is urrainn duit innseadh nach eil creideamh agad? Bha so ga chur gu mòr ioma-chomhairle; seadh, cha robh fios aige gun robh creideamh aige; gidheadh bha e faicinn le bhi as eugmhais gun robh e coltach ris gu’m biodh e marbh gu siorruidh. Ged a bha e mar so an toiseach, toileach amharc thairis air, gidheadh bhiodh e smaointeachadh gu’m bu mhòr an toradh a bhiodh aige nam biodh e cinnteach as an ni so; uime sin, bha e toileach e fein fheuchainn co-dhiùbh a bha creideamh aige no nach robh. Ach am feadh a bha e smaointeachadh cia mar a bheireadh e deuchainn a bhiodh taitneach do’n ni so, rinn am buaireadair strì dh’ fheuch am faigheadh e an làmh an uachdar air, a teachd a steach le chealgaireachd, nach robh dòigh sam bith aige leis am feuchadh e co-dhiù bha creideamh aige no nach robh, ach e thoirt deuchainn an oibricheadh e ni-eigin do mhiorbhuile; agus cha robh sgriobtur a dh’ easbhuidh air chum a chuideachadh; oir mar a bha e fiaradh nan sgriobturean, ’n uair a dh’ fheuch e ri ar Tighearna beannaichte bhuaireadh, ghabh e mar an ceudna briathran an t-Slanuighear bheannaichte chum a sheirbhiseach a [TD 13] bhuaireadh ’g a bhrosnachadh, (Mat. xvii. 20.) Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn so, atharraich á so an sud, agus dh’ atharraicheadh i; agus cha bhiodh ni sam bith eu-comasach dhuibh. Chaidh am buaireadh so air aghaidh cho fada ann air dha bhi air latha àraid eadar Elstow agus Bedford, bha am buaireadh dian air ’s an am sin, a dh’ fheuchainn an robh creideamh aige le cuid do mhiorbhuillean a dheanamh; bha e dol a ràdh ri clàbar, agus ri lodain bheaga do uisge a bha na laidhe ann an lorgan chasan nan each, bithibh tioram; agus direach mar a bha e dol a labhairt, thàinig na smaointinn so steach na inntinn, dean ùrnuigh an toiseach, gun deanadh an Tighearna thu comasach; agus ’n uair a bha e dol a dheanamh mar so, bha ni-éigin do bhrosnachadh diomhair a bha cuideachadh leis ’s ag ràdh ris gun a chreideamh a chur gus an deuchainn ud. Agus bhuanaich e mar sin car beagan ùine fo chall mòr, nach robh fios aige co-dhiù bha creideamh aige no nach robh. Air am àraidh nochdadh staid shona an t-sluaigh bhochd ann an Bedford dha ann an seorsa do thaisbeanadh mar a leanas; air leis gu’m faca e iad air slios grianach a bha anabarrach boidheach air taobh beinne ro àrd, mar gu’m biodh iad ga’n grianadh ’s ga’n neartachadh féin fo ghathan blàth na gréine; air leis gun robh e féin na chreutair truagh, air chrith, agus na chrùban leis an fhuachd, ga chràdh le reodhadh ’s le cloich shneachda, agus le neoil a bha oillteil dorcha; air leis mar an ceudna gu’m faca e balla mòr àrd eadar e féin agus iadsan, agus bha ’m balla so dol timchioll na beinne gu leir; bha e ag amharc orra agus bha mòr dhéidh aig anam air faotainn a steach thar a’ bhalla so, chum ’s gu’m biodh e sealbhachadh solus agus blàthas o’n ghréin mar an ceudna. Chaidh e uair agus uair timchioll a’ bhalla a [TD 14] deanamh urnuigh do ghnàth mar a bha e dol air aghaidh, agus e sior amharc dh’ fheuch am faiceadh e dorus na slighe ’sam bith fosgailte air am faodadh e dol a steach. Cha d’ fhuair e dorus na fosgladh ’s am bith ré uine mhòir; ach fa dheireadh air leis gu’m faca e mar gu’m b’eadh bearn chumhan mar gu’m biodh dorus beag air a’ bhalla, agus thug e oidheirp air dol a steach air; bha ’n dorus cumhan, agus thug e iomadh ionnsuidh dh’ fheuch am faigheadh e steach; ach bha uile shaothair an diomhanas: fa dheireadh, le cruaidh ghleachd, air leis gu’n d’fhuair e ’n toiseach a cheann a steach, agus an deigh sin le spàirn mhòir agus co-stri dhian, gu’n d’fhuair e air a leth-taobh a ghuailnean a steach, agus an sin ann an tiota bha’ chorp gu h-iomlan a steach; an sin bha e fo mhòr shubhachas agus bha aoibhneas anabarrach air; agus an sin air leis gu’n d’ imich e agus gu’n do shuidh e sios ’nam meadhon, agus gu’n d’ fhuair e solus agus sòlas do-labhairt o theas na gréine. A nis ’s ann mar so a mhinich e dhomh a ni bha bheinn agus am balla mòr a bha timchioll oirre a ciallachadh, thuirt e gu’n robh a’ bheinn a samhlachadh eaglais an Dé bheò, agus gu’m b’ esan a’ ghrian a dhealraich oirre, agus be gnùis ghlòrmhor agus ghràsmhor an Dé bheò a dhealraich orrasan a bha chòmhnuidh air a’ bheinn; agus b’e ’m balla an saoghal a tha cur dealachaidh eadar Criosduidhean agus sluagh an t-saoghail so; shaoil e gu’m b’i bhearn a bha anns a’ bhalla, Iosa Criosd, a ta’ na shlighe chum an Athar, (Eoin. xvi. 6. Mat. vii. 14.) A nis air do’n dorus a bhi anabarrach cumhan air chor is nach b’ urrainn neach dol a steach air ach le cruaidh spàirn, leigeadh ris dha nach robh e comasach gun rachadh aon neach a chum beatha, ach iadsan a bha air an co-chumadh ris an dorus, agus a dh’fhàg an saoghal aingidh air an cùl; do bhrigh nach gabhadh an dorus a steach ach corp [TD 15] agus anam a mhain, oir cha robh àite ann no rùm do chorp do anam, agus do ’n pheacadh. Ghabh an samhladh ud còmhnuidh air inntinn fad iomadh latha, agus re mòran ùine bha e ga fhaicinn féin ann an cor truagh, agus caillte, agus bha e air a bhrosnachadh le mòr mhiann agus déidh gu bhi do’n àireamh ud a bha ’nan suidhe gu sòlasach fo ghathaibh blàth na gréine; thoisich e o ’n am so air a bhi deanamh ùrnuigh ge b’ e aite anns am biodh e, cò-dhiù a b’ ann ’s an tigh na ’sa mhachair, agus bu ghnàth leis mar an ceudna ’n uair a dh’ éireadh a chridhe’ suas a’ chuid so do’n aon salm deug thar an da-fhichead a sheinn:—“Dean tròcair orm a Dhé nan gràs,” oir dh’ innis a bheul mu’n am ud nach robh fios aige c’àit’ an ròbh e. Cha d’ fhuair e fathast ni sam bith a bha toirt dearbhaidh dha gun robh creideamh aige ann an Criosd; ach an àite dearbhaidh fhaotainn an robh creideamh aige ann an Criosd. ’S ann a bha anam air a bhualadh le teagamhan as ùr cò-dhiù bhiodh e sona gu sìorruidh no nach biodh, gu sònruichte a smaointeachadh air an dòigh so—“Cò-dhiù bha no nach robh e air a thaghadh; agus ciod a dheanadh e ma bha latha nan gràs a nis air dol seachad?” Bha e gu tric air a bhualadh le bhi cur an teagamh nach robh e air a thaghadh; agus bha ’n Sgriobtur so do ghnàth ’tighinn na bheachd mar an ceudna, agus a saltairt sios air uile mhiann; “Cha’n ann o’n tì leis an àill, no o’n tì a ruitheas ach o Dhia a ni tròcair.” Rom. ix. 16. Bha e ’g ràdh leis an sgriobtur, so nach b’urrainn e innseadh ciod a dheanadh e: air dha bhi faicinn gu soilleir, mar a deanadh Dia o a shaor-thoil féin a thaghadh gu bhi na shoitheach tròcair, bha e faicinn ged a bhiodh e ’g iarraidh sa’ miannachadh s’ag oibreachadh gus am bristeadh a chridhe nach robh ann dha ach neo-ni; ghlaodh e ’n sin, O Thighearna, ciod a ni mi mur am beil mi da-rìreadh air mo thaghadh? [TD 16] Theagamh nach eil arsa Sàtan? Thubhairt esan faodaidh e bhith gu’m bheil a’ chuis mar sin. Ma ta, arsa Sàtan, is co math dhuit stad dheth, gun a bhi strì nis faide ris; oir mu’r a bheil thu gu cinnteach air do thaghadh le Dia, cha’n eil dòchas gu’m bi thu air do thearnadh, “Oir, cha ’n ann o ’n tì leis an àill, no o’n tì a ruitheas, ach o Dhia a ni tròcair.” Agus a chum a thrioblaid an-tromachadh, thug Sàtan a chuideachd mhath so ann am Bedford na chuimhne, agus chagair e ris mar so, a thaobh gu’n robh iad sud air an iompachadh cheana, cha tearuinn Dia tuilleadh as an àite so; agus bha thusa tuilleadh is fada gu’n tighinn ann, oir fhuair iadsan am beannachadh mu’n tàinig thusa. Chuir sud e fo àmhghar mòr, gu’m faodadh a’ chuis a bhi fior; thug sud air a bhi glaodhaich a mach! O nach robh mi air mo thionndadh ni bu luaithe! O nach robh mi air tionndadh seachd bliadhna roimhe so! Bha e mar so ann am fearg ris féin, is e do ghnàth a smaointeachadh gu’m bu truagh e bhi cho gòrach ’s gu’n do chaith e aimsir air falbh an diomhanas, gus an do chaill e fa dheireadh ’anam agus neamh. Ach thug an Tighearna co-fhurtachd dha ’n uair a bha e ga shàrachadh, thugadh misneach dha o ’n a focail so: “A Thighearna rinneadh mar a dh’ òrduich thu, gidheadh, tha àite falamh ann fathast, co-éignich iad gu teachd a steach, chum gu’m bi mo thigh air a lionadh,” Luc. xiv. 22, 23. Thug na briathran ud misneach mhòr dha, agus chaidh e air aghaidh le mòr cho-fhurtachd, ’n uair a smaointicheadh e gu’n do labhair an Tighearna Iosa iad a dh’ aon ghnothach air a sgàth-san, oir shaoil e da-rìreadh gu’n do labhair e iad chum misneach a thoirt dha leo. Cha robh e dh’ easbhuidh bhuairidhean a chum dol air ais; seadh, buairidhean mar a thuirt e féin: “Bha araon Sàtan, mo chridhe féin, agus mo luchd-eolais feòlmhor ag oibreachadh [TD 17] le chéile agus ga m’ lionadh làn do bhuairidhean;” ach tha e toirt buidheachais do Dhia, gu’n tugadh buaidh orra sin leis a’ bheo-mhothachadh a bha aige air a’ bhàs, agus air latha ’bhreitheanais, a dh’ fhan do ghnàth fa chomhair a shùl. Bhiodh e smaointeachadh gu tric air Nebuchadnesar, mu’n dubhradh: “Thug an Dia is àirde dha rìoghachd, mòrachd, glòir, agus onair, agus air son na mòrachd a thugadh dha bha crith air na h-uile shluagh,” (Dan. v. 18, 19.) Bha e smaointeachadh ma fhuair an duine mòr ud a chuibhrionn gu leir anns an t-saoghal so, chuireadh aon uair ann an tein’-ifrinn gach ni dhiù sud as a chuimhne. Bha na smaointean ud ’nam mòr bhuannachd dha. Mu’n am so bha e gu math dlùth air a bhi faicinn ni-éigin mu thimchioll nan ainmhidhean a mheas Maois glan agus neo-ghlan; shaoil e gu’m bu shamhlachan air daoine na h-ainmhidean glan ’s gu’n robh iad nan samhlachan air pobull Dhe; agus na h-ainmhidhean neo-ghlan nan samhlachan air clann an droch spioraid. Bha e leughadh, “gun cnàmhadh na h-ainmhidhean glan an cìr,” se sin, ars’ esan, a tha so a nochdadh dhuinn, gu’m feum sinn beathachadh air focal Dhé; “roinn iad an iongha” mar an ceudna, shaoil e gu’n robh sin a leigeil ris dhuinn gu’m feum sin dealachadh ri sligheachan dhaoine ain-diadhaidh mas àill leinn a bhi air ar tearnadh. Agus air a’ mhodh cheudna air dha leughadh ni b’ fhaide air aghaidh mu’n timchioll, chunnaic e, ged a chnàmhamaid a’ chìr mar ni mhaigheach, nan siùbhlamaid le spàg a’ mhadaidh, na ged do roinneadhmaid an iongha mar a ni mhuc; gidheadh, mar a cnàmhamaid a’ chìr mar ni chaora, gu’n robh sinn fathast ’n ar creutairean neo-ghlan: shaoil e gu’n robh a’ mhaigheach ’na samhla orrasan a bhios a labhairt mu’n fhacal, gidheadh, a bha siubhal ann an cas-cheumaibh a’ pheacaich; agus chunnaic e gu’n robh [TD 18] a’ mhuc coltach ris an tì a bha cur cùl ri truailleachd o ’n leth a muigh, ach a bha as eugmhais focail a’ chreidimh, ’s le bhi as eugmhais nach robh seol air slàint’ fhaotainn, ciod air bith cho cràbhach sa bhios duine. (Deut. xiv.) Fhuair e a mach an deigh so le bhi leughadh an fhocail gu’m feumadh iadsan a bhiodh air an glorachadh maille ri Criosd ann an saoghal eile, “bhi air an gairm leis anns an t-saoghal so,” seadh air an gairm chum a bhi nan luchd-comhpairt do roinn do fhocal agus do fhìreantachd, do cho-fhurtachd, agus ceud thoradh an spioraid, ni a ta deanamh an anama deas fa chomhair suaimhneis, agus na dachaidh glòrmhoir a ta anns na neamhaibh shuas. Air uairibh eile dh’innseadh e ’chor do phobull an Tighearna; agus ’n uair a chluinneadh iad an staid anns am biodh e, ghabhadh iad truas dheth, agus bhiodh iad ag innseadh dha mu thimchioll nan geallaidhean; ach bha e ag ràdh gu’n robh e cho math dhoibh a ràdh ris gu’n ruigeadh e air a mheòir a chur air a’ ghréin, sa ràdh ris gabhail ris na geallaidhean, no ’dhochas a chur annta; agus chunnaic e nach robh aige ach cridhe gu peacachadh, agus a bha fo lagh a dhìteadh e. Thug na nithe so air a bhi smaointeachadh gu tric air an leanabh, a thug athair a dh’ ionnsuidh Chriosd: “Agus am feadh a bha e fathast a teachd, thilg an deamhan sios e, agus reub se e, agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan féin agus a’ cur cobhair as a bheul.” Marc. ix. 20. Bha ’n t-as-creideamh a bha ann a cur a ghuailnean ris an dorus a chum a chumail a mach, agus bheireadh sin air éigheach a mach maille ri osnaidhean goirt:—“A dheadh Thighearna bris fosgailte e, a Thighearna bris na geatachan umha, agus gearr sios na croinn iaruinn!” (Salm cvii. 16.) Chuireadh na focail ud lasadh sìth na chridhe;—“Crioslaichidh mi thu agus tha thu aineolach orm!” Isa. xlv. 5. Cha robh e riamh na b’ [TD 19] anmhuinne ann a bhi cur an gniomh peacaidh na bha e ’s an am sin; bha ’nis a choguis air fàs goirt, cha robh fios aige cia mar a labhradh e le eagal gu’n cuireadh e bhriathran as an àite féin; air leis gu’n d’fhuair se e fein an sin mar ann an suil-chrith, agus mar gu’m biodh e air fhàgail ann le Dia, le Criosd, agus leis an Spiorad naomh. Thoisich e goirid an deigh sin air beachdachadh air truailleachd a naduir o’n leth a steach, ni a chuir àmhghar agus doilghios mor air; bha e ’g a fhaicinn cho gràineil ’na shealladh féin ri losgun dubh, agus air leis gu’n robh e an ni ceudna an làthair Dhé; (ars esan) sputadh peacadh agus truailleachd as mo chridhe cho nadurra sa bhrùchdas uisg’ a nios á fuaran. Air dha mar sin sealladh fhaotainn air a thruailleachd, thuit e ann an eu-dòchas, agus bha ’chor ro thrioblaideach. Am feadh a bha e mar so, fo àmhghar le eagal gu’m biodh e air a dhamnadh, bha dà ni a bha cur mòr iongantais air, b’ e aon diù ’n uair a chitheadh e muinntir aosda ’ruith gu dian an tòir air nithe na beatha so, mar gu’m biodh iad a dol a bhi beo gu bràth, b’ e ’n ni eile ’n uair a chitheadh e luchd-aidmheil diadhachd fo thrioblaid agus air an leagadh sios, ’n uair a thigeadh calldachd nan caramh o’n leth a muigh, seadh mar tha call companaich, bean-phosda, na leanabh, agus mar sin sìos. Thubhairt esan ann féin air a’ mhodh so, a Thighearna, nach b’ e ’n othail e air son nithe feòlmhor; ma tha iadsan a’ deanamh uibhir so do shaothair an deigh nithibh na beatha so a ta làthair, agus a sileadh a choimhlion deur air an son, ciod, ars esan, an truas a bu chòir a ghabhail riumsa le guidhe as mo leth? Tha m’ anam a’ bàsachadh, tha m’anam ’ga dhìteadh. “Nam biodh m’ anam, ars esan, ann an cor ceart, agus nam biodh agam-sa fios air a sin le dearbhadh. O cia saibhir a mheasàinn mi féin, ged nach biodh agam ach aran is uisge, [TD 20] agus ghiùlainainn iad sud mar uallaiche beaga: “Ach cò is urrainn spiorad briste a ghiùlan!” Mu’n cuairt air mìos an deigh sin, air leis gu’ tàinig stoirm ro mhòr a nuas air, agus bha e fichead uair ni bu ghoirt’ air na gach ni a thachair air roimhe sin; thàinig an ni so air gu’n fhios, an toiseach le aon chuid, agus a rithist le cuid eile. Air tùs bha gach uile cho-fhurtachd a fhuair e air a thoirt air falbh uaith gu buileach, an sin laidh dorchadas eagalach air, beagan an deigh sin, air leis gun deachaidh dìle, na tuil uamhasach do thoibheuman, an aghaidh Dhé, Chriosd, agus nan Scriobturean, a dhortadh a steach na inntinn, ni a chuir trioblaid agus doilghios mòr air. B’e toradh nan smaointean toibheumach so, a bhi dùsgadh suas inntinn an aghaidh bith Dhé, agus an aghaidh aon Mhic a ghràidh; cò-dhiù bha no nach robh le dearbh chinnt’ da-rìreadh Dia na Criosd ann? agus cò-dhiù b’ e ’n Sgriobtur facal an Dé naomha, na an robh e na sgeula meallta! A nis thòisich e air a bhi smaointeachadh, gu’n robh deamhan ann féin, agus air uairibh shaoileadh e gu’n rachadh e ion’ ’s as a chéill, oir an àit’ a bhi moladh an Tighearna, agus ga ghlòrachadh maille ri muinntir eile; ’n uair a chluinneadh e iad a labhairt mu thimchioll Dhé, is ann a dh’ éireadh gu grad toibheum uabhasach suas na chridhe ’na aghaidh; ionnus gu’n d’ éirich na smaointeann so ’na chridhe, nach robh leithid Dhia ann idir; mar sin cha b’urrainn e gràdh na sìth no aigneadh gràsmhor ’s am bith fhaireachduinn ’s an leth a steach. Mhair am buaireadh so air dlùth air bliadhna, cha b’ urrainn e ’feitheamh air aon do òrduighean an Tighearna, ach le mòr chàs agus àmhghar goirt; agus ’n uair a bhiodh e ag eisdeachd an fhocail, bhiodh e ni bu mhò air éigneachadh le neo-ghloine, toibheum, agus an-dòchas. An sin thigeadh am buaireadair da ionnsuidh mar so, [TD 21] “Tha thu gu ro dhian ag iarraidh tròcair, ach fuarachaidh mise thu; cha mhair thu do ghnàth mar so; bha iomadh neach cho dian riutsa ann an spiorad ach chuir mise as an eud (agus leis a so bhiodh an neach ud san neach so a thuit air falbh a’ teachd na aire.) An sin bhiodh eagal air gu’n claonadh e air falbh air a’ mhodh cheudna; agus theireadh, e gu’m bu mhath leis gu’n tàinig so ’n a aire; oir gu’n deanadh e faire ’s gu’m biodh e gluasad cho tearuinte ’s a dh’ fheudadh e, “Ged a bhios sin mar sin,” arsa Sàtan, “bithidh mise tuilleadh is seòlta air do shon, fuaraichidh mi thu gu’n fhios duit, air mo shocair féin, a lion beagan is beagan, ciod is mò ormsa, ge’d’ a bhitheas mi seachd bliadhna’ fuarachadh do chridhe, ma gheibh mi làmh an uachdar ort fa dheireadh?” Cuiridh gnà-thulgan leanabh cìorcanach a chadal. Ged a tha thu dian-losgadh aig an am so, gidheadh mas urrainn mise spionaidh mi as an teine so thu, agus fàgaidh mi fuar thu an ùine ghearr.” Thug na nithe ud e gu teanndachd mhòr, ach bha e toirt buidheachas do Iosa Criosd, nach tug na nithe ud air stad do ghlaodhaich, ach ’s ann a chuir se e gu glaodhaich mòran ni bu mhò, coltach ris an tè a thachair air an adhaltranach ’sa’ mhachair, Deut. xxii. 27. Bha mòran do chùl-taic aige fo na buairidhean ud, anns an treas caibidil do dh’ Ieremiah, anns a’ chòigeamh rann do’n chaibidil sin, thuirt e fein mar so, ged a labhair mi, agus ge do rinn mi nithe cho olc ’s a b’urrainn mi, gidheadh glaodhaidh mi ri Dia,—“M’Athair is tu treòir m’ òige;” agus pillidh mi ’ga ionnsuidh. “Ma tha Dia leinn cò dh’fheudas a bhi n-ar n-aghaidh?” Air latha àraidh thàinig an Scriobtur so ’n a bheachd,—“Gu’m biodh na h-uile air an deanamh réidh risféin trid-san air dha sìth dheanamh tre fhuil a’ chroinn-cheusaidh-san,” Col. i. 20. A nis bha anam air a threòrachadh le Dia o fhìrinn gu [TD 22] fìrinn! Eadhon o bhreith agus creathall Mhic Dhé, gu’s an deachaidh e suas, agus ath-theachd o nèamh a thoirt breith air an t-saoghal. Ach an deigh dha mòran laithean a chur seachad ann an staid thùrsaich, b’e toil an Athar thròcairaich dealradh a steach air ’anam, leis an fhocal bheannaichte so, Luc. xiv. 22, 23. “Agus co éignich iad gu teachd a steach, chum gu’m bi mo thigh air a lìonadh. Gidheadh tha àite falamh ann fathast.” Thug na focail ma dheireadh so làn shòlas dha, agus bha iad ’nan làn fhreagairt do chagarsaich Shàtain, nach robh latha nan gràs air dol seachad. Bha mòran do bhuairidhean eile air iomadh uair, agus air iomadh caochladh aobhair; ach shaor Dia a mach uapa sin uile e, agus fa dheireadh, shuidhich e ’chosan ann an ionad farsuing, agus lion e anam le aoibhneas agus subhachas. Anns a’ bhliadhna 1653, bha e air a bhaisteadh, agus air a ghabhail a steach na bhall do eaglais Bhedford; oir bha làn dearbhadh aca gu’n robh gràs an De bheo anns-an, agus gu’n do rinn Dia esan urramach agus iomchuidh air son obair na ministreileachd; bha e air iarraidh air gu dùrachdach leis a’ cho-thional gun cuireadh e ’n céill dhoibh na tiodhlacan spioradail leis an do bheannaich Dia e; ghabh e ’n toiseach a lethsgeul gu ro mhodhail, a leigeil ris dhoibh, le mòr thuigse, ’anmhuinneachd agus a neo-iomlanachd; ach air dha bhi air a cho-éigneachadh leo-san ni b’ fhaide chum a dheanamh, dh’aontaich e ris; ach leis co nàrach ’sa bha e sheachainn e an toiseach coinneimhan follaiseach, ach fhritheil e gu h-urramach dhoibh ann an uaigneas a measg chàirdean; agus bha e ro anabarrach chum an teagasg, gu’s nach b’urrainn iad gu’n a bhi toirt moladh do’n Athair thròcaireach air son a’ mhòr ghràis a bhuilich e air. Beagan an deigh so bha cuid do’n cho-thional air [TD 23] an cur a mach a dh’ionnsuidh na dùthcha chum teagasg, dh’iarr iad gu’n rachadh Buinian maille riù, ni a rinn e gu toileach; agus le dian-iarrtas agus ga chomhairleachadh chuir e’n céill dhoibh na tiodhlacan a fhuair e, (ach do ghnath gu h-uaigneach,) a measg nan daoine matha far am biodh e; agus bha iadsan, mar an ceudna, gabhail ris le gairdeachas air son na tròcair a nochd Dia dha, agus ag aideacheadh an anamaibh a bhi air an teagasg leis. Bha e air a dhìteadh aig mòd beagan an déigh sin air son a bhi na fhear-tionail agus na fhear cumail suas cho-thionalan neo-laghail agus coinneamhan aoraidh diomhair, agus air son nach géilleadh e do’n dòigh aoraidh a bha aig an Eaglais Shasunnaich; bha Buinian ’na dhuine aig an robh inntinn fhosgailte agus neo-chuibhrichte, agus nach folaicheadh e fein chum ’s gu’m biodh e air a chaomhnadh, gu h-àraidh air son aobhar a mhaighistir, agus uime sin dh’aidich e gu saor, soilleir, air dha bhi aig coinneamh, agus a searmonachadh do’n t-sluagh, nach robh esan a dol a ghéilleadh do’n dòigh aoraidh a bha air a shuidheachadh anns an Eaglais Shasunnaich, ag aideachadh (mar a rinn an t-abstol Pòl air thoiseach air) gu’r h-ann air an dòigh ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a ni mise aoradh do Dhia m’ athraichean. Ghabh na breitheamhna a bhriathran treibhdhireach gu bhi aca mar chuis dìtidh na aghaidh, agus dhìt iad e gu bhi air fhògradh rè a bheatha’ a chionn gu’n do dhiùlt e géilleadh do’n reachd a rinneadh leis a Phàrlamaid ’san am sin, ni air son an do chuireadh e ann am prìosan a rìs; ged nach robh binn an fhògraidh riamh air a cur an gniomh, gidheadh, bha e air a chumail ann am prìosan fad dà bhliadhna dhéug; a giùlan a’ pheanais sin, ann am prìosan duinte, agus neo-cho-fhurtachail, agus air uairibh a fulang o luchd-coimhead a’ phrìosain a bha cruaidh-chridheach agus an-iochdmhor ’g a ghiùlan le [TD 24] foighidinn chriosduidh, agus irioslachd inntinn, agus a fàs na mhinistir do Iosa Criosd; oir ’s e a leithid so do aobhar a ghabh e os-làimh, agus air son an robh e ’fulang. Ach ge do bha naimhdean lionmhor a bha air am buaireadh thuige sin, gidheadh, bha iad air an cumail air an ais le cumhachd na diadhachd o chur na binne an gnìomh; oir bha obair eile aig Dia fa chomhair ra dheanamh an Sasunn. Agus an uair a bha a cheanglaichean agus a phrìosnachadh air am fuasgladh agus an cur fo smachd le freasdal an Dia sin a tha an dà chuid iongantach an comhairle, agus a tha oirdheirc an oibre, a tha toirt mòr aire chum an soisgeul a chumail air aghaidh; oir tre ’fhulangsan ’sa’ phrìosan, dhaingnich agus sheulaich e’n fhìrinn a shearmonaich e roimhe sin. Is ann air dhomh taghal air anns a’ phrìosan a chunnaic mise an toiseach e, agus a fhuair mi eòlas air; agus feumaidh mi aideachadh, nach b’urrainn mi gu’n a bhi ag amharc air mar dhuine aig an robh deadh spiorad, eudmhor air son onair a mhaighstir, agus le mòr aoibhneas ag earbsa uile chuisean féin ri ordugh Dhé. ’Nuair a bha mise an sin, bha tri-fichead ann a thuillidh air san a dhealaich o’n Eglais Shasunnaich, a bha air an glacadh beagan roimhe sin aig coinneimh ùirnuigh ann an baile da’n goirear Kaistoe, ann an siorramachd Bhedford, a thuillidh air dà mhinistir a dhealaich o’n Eaglais Shasunnaich, ’s e sin ri ràdh, Mr Wheeler agus Mr Dunn, (oir bha sluagh siorramachd Bhedford gu math eolach air an dithis, ged a tha iad o cheann fada maille ri Dia, a bha na ’meadhon am priosan a bhi air a dhòmhlachadh gu mòr; gidheadh, ann am meadhon gach uile bhuaireas a bha ’n sin, chuala mi Buinian a’ searmonachadh agus a’ deanamh ùrnuigh le cumhachd spioraid a’ chreideimh, agus mar gu’m biodh e air a chuideachadh le àrd [TD 25] iomlanachd a’ chreidimh dhiadhaidh, ni thug orm seasamh agus amharc air le mòr iongnadh. Ni mò a rinn e am feadh ’s a bha e ’sa phrìosan, ùine chur seachad air mhodh leisg agus mi churamach, ni mò dh-ith e aran an diomhanais; oir bha mise ann am fhianuis an sin, gu’n d’rinn a làmhan seirbhis air a shon féin, agus air son a theaghlaich; oir ’s iomadh céud dusan do stìoman fada a rinn e ’s a dh’fhuaigh e ra chéile, chum an ùine chur seachad; dh’ionnsuich e so ’s a’ phrìosan, ni leis an robh e ’g a bheathachadh féin ’s a theaghlach. An sin mar an ceudna ghabh mi beachd air a leabhar lann, an t-aon is lugha, agus a mhàin an t-aon a b’ fhearr a chunnaic mi riamh; bha e air a dheanamh suas le dà leabhar, am Bioball, agus leabhar mam martarach. Agus co fada sa bha e’s a’ phrìosan, (o ’na labhair mi mu ’leabhar lann) sgriobh e iomadh leabhar luachmhor agus feumail; gu h-araidh am Baile naomh, Turus a’ Chriosduidh, agus Gràs am pailteas do cheann-feadhna nam peacach; maille ri iomadh aon eile. Cha’n fheud mi an ceann so fhàgail, ’s e sin a phrìosnachadh, gus an leig mi ris do’n leughadair cuid da fhéin-fhiosrachadh an sin; chuir e ’n céill nach robh inntinn riamh cho fosgailte, fad a bheatha, gu bhi léirsinn agus a tuigsinn focal Dhé, ’s a’ bha e aig an am sin. Na sgriobturean anns nach robh e faicinn ni ’sam bith roimhe sin, air leis ’n uair a bha e ’s a’ phrìosan gu’n robh iad a dealradh air. Cha robh Iosa Criosd, mar an ceudna, riamh cho cinnteach agus cho soilleir dha ’s a bha e aig an am ud; oir an sin, ars’ esan, chunnaic mi e, agus mhothaich mi e gu fìrinneach. Pead. ii. 16. Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h-innleachdach, agus bha am focal sin na fhocal beannaichte dhàsan an sin; bha e air uairibh air a ghiùlan co àrd osceann gach uile eagal agus buaire gu ’s an robh e air a dheanamh [TD 26] comasach air gàire dheanadh ri sgrios, agus gu’n eagal air aon chuid roi ’n each na mharcaiche. Is ann an sin, a thug Dia dha na seallaidhean caoimhneil agus luachmhor air maitheanas air son a pheacaidhean, agus gu’m biodh e le Iosa ann an saoghal eile. Seadh, is ann an sin, a mhothaich e, gu’n robh Dia a seasamh dlùth dha, aig gach uile buaireadh, agus a’ cronachadh a’ bhuaireadair. Ach air son sin uile dheth, bha fios aige gu’n robh e na dhuine a bha air a chuartachadh le anmhuinneachdan, agus gu’n robh cùram air, air son a mhnaoi-phòsta agus a chuid cloinne, agus bhiodh so an drast ’s a rithist a tighinn fainear dha, ni nan dealaichte uatha e a bhiodh dha mar gu’m biodh fheoil air a reubadh bharr a chnamhaibh; (oir bha e na fhear a bha gràdhach agus caoimhneil, agus na athair bàigheil; math a dh’ fheudte a bha na ni-éigin, do choire,) agus gach iomadh cruaidh chàs agus uireasbhuidh, a bha coltach ri tachairt air a theaghlach bochd, nam biodh e air a thoirt air falbh uapa; bha so a tighinn gu tric na inntinn, gu h-àraidh a nighean a bha dall a bha ni b’ fhaisge d’a chridhe na càch gu leir. “A leinibh bhochd, ars’ esan, ciod am bròn a tha coltach a bhi agad mar chrannchur anns an t-saoghal so! feumaidh tu a bhi air do bhualadh, déirc iarruidh, acras, fuachd, a bhi lom-nochd, agus mile truaighe fhulang, ged nach fuiling mis’ an dràst do ’n ghaoith séideadh ort. Ach air dhomh mo smaointean a ghairm air an ais, thuirt mi, feumaidh mi ’ur n-earbsa gu leir ri Dia, ged a bhitheas a bhi g’ ar fàgail mar shaighead a dol troimh m’ fheòil. O! chunnaic mi ann’s a’ chor ud, gu’n robh mi mar dhuine a bha spionadh a nuas a thighe air ceann a mhnà agus a chloinne, gidheadh, arsa mise, feumaidh mi dheanamh, agus an sin chuimhnich mi air an dà mhart bainne a bha gu àirc Dhé a’ ghiùlan gu duthaich eile, agus a bha ra ’n laoigh fhàgail as an deigh, 1 Sam. vi. 10. [TD 27] Ach mhothaich e gu ’n robh Dia gràsmhor dha, eadhon anns an ni so gu h-àraidh, ’g a chuideachadh gu mòr leis an dà sgriobtur so. Ier. xlix. 11, agus caib. xv. 11. “Fàg do dhilleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annam-sa. Thubhairt an Tighearna, gu cinnteach éiridh gu maith do t-iarmad; gu cinnteach bheir mi air an nàmhaid bhi bàigheil riut ann an am na h-airc’, agus ann an am a’ chruaidh-chàis.” An deigh do ’n duine so bhi dà bhliadhna dheug gu leth ’na phriosanach air son a bhi dearbhadh deadh choguis, agus a cur a naimhdean nan tosd le a naomhachd neo-choireach, agus a sheanachas neo-lochdach; bha e, réir toil Dé a chuir ann an cridhe Dhoctair Barlo, Easbuig Lincoln, a bhi na mheadhon a chur fa-sgaoil. An deigh dha faotainn fa-sgaoil, bha e gu tric ag amharc air ais air gach tearnadh a chaidh seachad, agus a moladh Dhé; ’na measg bha cuid a bha anabarrach comharraichte; agus cha robh a h-aon diù ni bu mhò nan t-aon so a tha mi dòl a chur an céill; air dha bhi na shaighdear anns an arm aig seisdeadh Leicester, anns a’ bhliadhna 1645, bha e air a ghairm a mach gu seasamh air freiceadan ach bha òganach anns a’ chuideachd, agus dh’ asluich e air leigeil leis fein dol a chum an fhreiceadain air a shon, dh-aontaich Buinian ri so, agus dh’ fhalbh am fear eile gu toilichte; agus air seasamh dha air freiceadan an sin, chaidh a thilgeil troi’n cheann le peilleir o ghunna, agus dh’eug e. Bha an gniomh ma dheireadh a rinn e anns a ’bheatha so na obair ghràdhaich, chaoimhneil; bha duin-uasal òg ann a chuir fearg air ’athair, agus bha’n t-òganach fo mhòr thrioblaid air a shon, do bhrigh gun cuala e gun robh ’athair dol a thoirt seachad na h-oighreachd bu dligheach dha do neach eile, air son an easaontais a thàinig eatorra; shònruich an t-òganach Iain Buinian, chum gu’n rach- [TD 28] adh e chum reite dheanamh ra athair, agus ghabh Buinian sin os-laimh gu toileach, agus dh’ fhalbh e far an robh athair an òganaich, agus ghnàthaich e a leithid do reusonachadh drùidhteach an aghaidh feirg agus corruich, agus a sparradh air an duine a bhi bàigheil agus seirceil ra mhac féin, agus reite dheanamh ris, ionnus gu’n d’rinn an t-athair reite ris a mhac gu seirceil, gràdhach. ’Nuair a shocruich Buinian gach ni a ghabh e os-laimh; agus air dha bhi dol air ais do Lunnuinn, bha ’n aimsir ro fhliuch, le frasan troma fad an rathaid, agus thàinig e gu chairtealan anabarrach fliuch, fuar, agus dh’ fhàs e gu tinn le fiabhrus trom agus ainneartach fo’n d’ fhuiling e le mòr fhoighidinn, ’g a thoirt féin suas gu toill an Tighearna, a’ labhairt mar nach biodh e ’g iarraidh ni ’s am bith ach caochladh, agus a bhi maille ri Criosd; agus air dha bhi faicinn gu’n robh a neart ’g a threigsinn, shocruich e inntinn agus a ghnothaichean cho math ’s a cheadaich an ùine dha, le foighidinn Chriosduidh, agus liubhair e suas ’anam ann an làmhan Fhir-saoraidh ghràsmhoir, a’ buanachadh air aghaidh’ na eilthireach o Bhaile an léir-sgrios, chum an Ierusaleim neamhaidh; bha ’anam do ghnàth, ri naomh smaointeachadh, agus a ’plosgartaich an déidh air a’ mhana fholaichte, agus air uisge na beatha. Dh’eug e ann an Lunnuinn air an latha ma dheireadh do cheud mhios an fhogharaidh ’s a’ bhliadhna 1688, an deigh tinneas dheich làithean; aig aois thri fichead bliadhna; agus chaidh a thiodhlacadh ’s a’ bhaile sin, far am bi e na chadal gu maduinn na h-aiséiridh, a ’feitheamh ri dùsgadh glòrmhor, chum neo-bhàsmhorachd neo-thruaillidh; far nach cuir trioblaid no bròn doilghios air ni ’s mò, agus far am bi na h-uile deur air an siabadh air falbh o ’shùilean, ’n uair a bhitheas na fìreanaich air an aonadh ra chéile mar bhuill do Chriosd an t-àrd cheannard, agus a [TD 29] rioghaicheas iad maille ris mar righribh agus mar shagartaibh, gu siorruidh. GEARR CHUNNTAS AIR MR BUINIAN AGUS A MHINISTREILEACHD. Mar mhinisteir an t-soisgeil, bha e araon cumhachdach, agus urramach, agus b’ urrainn da labhairt air sheol ro dhruidhteach ris an luchd-eisdeachd a bh’ aige. Chaidh cuibhrionn mhòr do ghràs an t-soisgeil a bhuileachadh air anam féin, agus tha e coltach gur h-ann chum an aobhair sin a ghairm Dia e, o bhi na pheacach gràineil, agus na dhuine bochd neo-fhoghluimte, chum tuigsinn fior sheadh agus diomhaireachd an t-soisgeil, air chor ’s gu’m b’ urrainn da labhairt ri anamaibh dhaoine eile le cumhachd agus gràs, chum an soisgeul a mhineachadh mar rinn na h-abstoil o shean. Mar sin bhuilich Dia mòr ghràs air a’ pheacach mhòr so, agus thionndaidh Dia e gu bhi na sheirbhiseach urramach ann an obair an t-soisgeil, agus a sparradh a dh ionnsuidh an fhogharaidh, a bha cho feumail; agus mar sin, gu’n cheist, bu chòir dhuinn a bhi cùramach chum a shaothair a chumail air chuimhne. Air do Dhia an duine so chur a dh’ionnsuidh an fhogharaidh, tha so ag innseadh dhuinn gu soilleir nach eil Dia do ghnàth ag iarruidh gu’m biodh a mhinisteirean air an cumadh ’s air an ulluchadh le foghlum is freasdal dhaoine an t-saoghail, ach gu bheil e féin comasach le a ghràs air ministeirean cumhachdach a thogail suas mar a bha na h-abstoil iomadh ceud bliadhna roimhe so. Is iomadh mìle a fhuair buannachd anama, agus co-fhurtachd o a theagasg, mar gu’m beanadh aingeal na abstol ra’n anamaibh le eibhleig do theine naomh o’n altair. Bha na tiodhlac luach- [TD 30] mhor so do ghràs Dhé bha anns-an, agus an labhairt a bh’ aige cur iongantais air a naimhdean a chluinneadh uime, (mar a tha air a ràdh gu coitchionn) gun robh e gu’n fhoghlum, is nach robh sgoil aige. Air son gach uile ni a chaidh ainmeachadh roimhe so, air co spioradail sa theagaisgeadh e, is airidh oibribh a tha sgriobhte ’bhi air an gleidheadh, co math ri sgriobhadh aon duine eile a sgriobh o linn nan abstoil. Os barr, bha e na Chriosduidh a dh’fhuiling os-ceann da bhliadhna dheug ann am priosan, ni leis an do chuir e seula ris an fhìrinn a chuir e ’n céill. Gidheadh, ged’ a bha e air a chumail ùine mhòr ann am priosan, shearmonaich e an iomadh àite an deigh sin air feadh na dùthcha, mar sheirbhiseach dìleas do Chriosd, agus air son slàinte do anamaibh. Agus cha robh e na dhuine a shearmonaich air son airgid, oir dhiùlt e teachd a steach a bu mhò, agus roghnaich e fuireach far an robh e. Agus bha stuamachd (na iarrtas air son airgid) mar a bha cleachduinn an abstoil Phoil, ni b’ ìsle na bha cead aige, is mar sin ’n uair a dh’eug e cha d’ fhàg e moran stòrais aig a theaghlach. Agus ma dheireadh, gach ni a tha ri bhi air a thoirt fainear, se sin a mhi-naomhachd air tùs, a bhochduinn, a neo-fhoghluimteachd, maille ra mhòr ghnothuichean nadurra, an t-atharrachadh mòr a rinneadh air le gràs, agus co fada ’s a bha e ’s a’ phriosan, agus an fhoirfeachd mhòr air an d’ rainig e, tha mise ag ràdh nach d’ fhàg Buinian nach maireann an Sasunn, no anns an t-saoghal a leithid eile as a dhéigh fhad is aithne dhomh-sa; agus is e so barail neo-chealgach, Bhur Brathar Criosduidh, TEARLACH DOE. [TD 31] COLTAS IAIN BHUINIAN. Shaoilte o choltas a ghnùise gun robh e do nadur gruamach neo-chaoimhneil, ach bha e ciùin agus suairce na chòmhradh, gun a bhi buailteach do mhòran bruidhne na conaltraidh am measg dhaoine; mur biodh fior aobhar aige air a shon; a toirt an aire do ghnàth nach deanadh e uaill as féin, agus ag amharc iosal ’na shealladh féin, ga leigeil féin fo bhreitheanas dhaoine eile, a seachnadh bhreug agus mhionnan le mòr ghràin; a cumail ra fhocal cho dlùth ’s a b’urrainn e, déidheil air reite, agus air sìth; agus a bhi ann an càirdeas ris gach uile dhaoine. Bha ’shuil geur furachair, ’s bha bhreithneachadh ro thuigseach, agus ullamh na fhreagairt; agus air uairaibh, na dheadh fhear-cuideachd. Bha e àrd na phearsa, ged nach robh e dòmhail, bha rud eigin do ruiteachd ’na ghnùis, ’s bha shuilean dealrach, le feusag fhada air a bheul uachdair, mar bu nòs do na seana Bhreatannaich, bha fhalt ruadh, ach ’na laithean deireannach bha e air a mheasgadh le ròineagan liatha; bha a shron direach gu’n a bhi àrd na crom, a bheul rud-éigin mòr, a bhathais rud-éigin àrd, agus a thrusgan do sheorsa neo-rìomhach. Mar so thug sinn seachad sgeul gu neo-chlaon-bhreitheach air a leth-a-steach, agus air a leth-a-mach; bu duine e bha air ionndrainn gu mòr, agus air a chaoidh aig am a bhàis, duine nach robh air a sheideadh suas le saoibhreas, na air thilgeil sios le bochduinn ach, do ghnàth a gabhail an t-saoghail mar a thigeadh e, gu taingeil toilichte. [TD 32] Dh’fhàg Buinian bean agus teaghlach ’n a dheigh; bha ise beo gus a’ bhliadhna 1692. Bha cuignear chloinne aige, chaochail Mairi, an nigheann dall roimhe féin: bha cearar eile ann, Iain, Ioseph, Tomas, agus Mòr. Reic Iain, am mac bu shine, an leabhran beag, feumail so, ris an duine a chuir an clòdh e a’ cheud uair, anns a’ bhliadhna 1698. Bha Buinian beo trì fichead bliadhna, agus sgriobh e trì fichead leabhar; bha mòran diubh sin nach robh air an clòdh-bhualadh aig am a bhàis; ach an déigh sin chaidh an cruinneachadh r’a’ chéile, ’s an cur an clòdh, ann an dà leabhar mòr. Tha iad sin measail, prìseil, anns a’ Bheurla. Tha, a nis, deich, no dusan do leabhraichean Bhuinian anns a’ Ghaelig; agus tha meas mòr orra aig na daoine a thuigeas a’ chanain sin.