[TD 1] CUNNTAS AITHGHEARR: MU EACHDRAIDH NAM BAISTEACH, ANN AM BREATUNN. LE G. H. ORCHARD. EADAR-THEANGAICHTE On Bheurla. LE GILLEASBUIG MAC PHAIDEIN. A’ CHEUD EARRAN.—O na ceud linntean gu deireadh na seathamh linn deug. GLASGOW: PRINTED BY WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. MDCCCXLV. [TD 2] [Bàn] [TD 3] ROIMH-RADH LEIS AN EADAR-THEANGAIR. THA,—C’àit an robh na baistich? Ciod an t-ainm, no na h-ainmean leis an robh iad aithnicht’ am measg dhaoine? Ciod a tha eachdraidh ’g ràdh umpa? Agus Ciod an suidheachadh anns an robh iad ré nan linntean agus nan ginealach anns an robh pàpanachd a’ rìoghachadh? No ’n robh iad a làthair idir? nan ceisdean do nach urrainn a’ chuid mhòr do luchd-aidmheil an t-soisgeil ’nar latha-ne freagradh a thabhairt. Tha àireamh nach beag an dùil gu ’n d’ éirich iad mar a nìos as an talamh, aig àm an ath-leasachaidh o phàpanachd, agus nach robh iomradh riamh roimhe sin air an leithide do luchd-aidmheil. Anns na duilleagan a leanas gheibhear ni éigin do sholus air a thilgeil air na ceisdean a chaidh aig an àm ainmeachadh, maille ri [TD 4] iomadh ni eile bhuineas do eachdraidh nam baisteach. Chithear annta mar an ceudna gu ’m bheil na baistich mar luchd-aidmheil na ’s sinne na pàpanachd fein; agus gu’n d’fhairslich air cumhachd na pàpanachd cuir as doibh. Cha-n e iarrtas air bith a chumail na comhstri mu ’n bhaisteadh beò, a dh ’ aom mi chum an leabhran so eadar-theangachadh; ach a chum eachdraidh nam baisteach a thoirt gu beagan tuilleadh soluis am measg nan Gàel. Agus mar an ceudna, do bhrìgh gu ’m bheil e dearbh-chinnteach nach urrainn còrdadh, no aonachd, no sìth sgriobturail, bhi anns an eaglais, am feadh a tha buill agus aodhairean na h-eaglais a cumail gu daingean, beachdan, a tha ’n aghaidh a chéile mu na laghanna leis am bheil an eaglais gu bhi air a riaghladh: agus air an aobhar sin, gur h-e dleasdnas nan uile leis an ionmhuinn soirbheachadh na h-eaglais, gach fàth a ghabhail air a’ chùis a thoirt fa chomhair am bràithre, gus am bi laghanna agus àitheanta dhaoine (aobhar na comhstri) air an cuir gu buileach air chùl. GILLEASBUIG MAC PHAIDEIN. [TD 5] CUNNTAS AITHGHEARR, MU EACHDRAIDH NAM BAISTEACH, ANN AM BREATUNN. 1. BHA ’n eaglais a bha air a cur ri chéile ann an Ierusalem, air a deanamh suas do ’n dream a ghabh ris an fhocal le gairdeachas, agus air aidmheil an creidimh, a bha air am baisteadh ann an ainm Chriosd. Bha na h-eaglaisean eile gu léir air an cumadh a réir na riaghailt so: 1 Tesal. ii. 14; 1 Corint xi. 2. B’i so a’ cheud eaglais, agus thàinig i gu bhi na h-eisimpleir do linntean ri teachd. “Tha aobhar againn a chreidsinn” arsa Burgess, an t-Easbuig, “gu ’n robh na ceud eaglaisean Breatunnach ro chosmhail rithe.” Tha Mosheim ag radh “nach robh neach air bith air a bhaisteadh (anns a’ bhliadhna 50,) ach iadsan a bha air tùs air an teagasg anns na puingean bu chudthromaiche do ’n chreidimh Chriosduidh, agus a thug mar an ceudna dearbhaidhean a thug toileachadh, gu ’n robh an inntinnibh diadhaidh, agus an ruintean cothromach.” Tha e air a ràdh gu ’n robh fàs mòr aig an t-soisgeul anns an eilein so, mu bhliadhna Chriosd 127. Agus bha na h-eaglaisean a bh’air an suidheachadh an sin, air an gleidheadh ré ùine fhada, o na mearachdan [TD 6] a bha cho cumannta ’s an àird’ an Ear. Bha luchd-aidmheil ro lionmhor an so anns a’ cheathramh linn; agus bha dearbhadh ro gheur air a chur air an seasmhachd le òrduighean Dhiocletian. Am feadh, mar so buailteach do chorruich nan cumhachdan saoghalta, dh’fheith iad air an sochairean le ro bheagan greadhnachais. Bha so mu ’n bhliadhna 306. Le deadh-ghean Chonstantine thàinig iad am follais a dorchadas, agus dh’fhàs iad saoghalt’ agus truaillidh. Anns a’ bhliadhna 315, rinn beachdan Phelagius mòran millidh anns an eilein; ach anns a’ bhliadhna 410, bhuadhaich dithis dhiadhairean o thir-mòr na Roinn-eòrpa ann an tabhairt air ais nam faontrach, agus bha iad sin air am baisteadh an dàra uair, anns an amhainn Allen, làimh ri Chester. Anns a’ bhliadhna 440, bha coslas eagalach air Breatunn le cleachdainnean truaillidh; ni thug orrasan a bha diadhaidh na coilltean a ròghnachadh mar àite-taimh; ach cha do dhìon so iad o an-iochd nan daoine borba. Dh’aon an seann luchd-aidmheil truaillidh, tha Warner ag ràdh, an diadhachd ri druidheachd seann luchd-aiteachaidh na dùthcha. Tha Fuller ag ràdh, gu ’n deachaidh a chuid bu mhò dhiùbh-san a lean r’am fìor-ghloine do Chornwall, agus do Wales: agus an sin, gu ’n do ghleidh iad an casan ré ùine fhada; ach gu’m bheil e cosmhail, anns an àm so (550), gu ’n robh a’ chuid bu mhò do dh-eaglais Chriosd ann an Wales. 2. Anns an staid eagalaich so, bha cùisean anns an fhearann so, an uair a thàinig Austin, am Manach Ròmhanach, do Bhreatunn, anns a’ bhliadhna 597. Le innleachdan eadar-dhealaichte, bhuadhaich e ann an tarruing thairis a chum na h-eaglais sin deich mìle sluaigh, a chaidh a bhaisteadh anns an amhainn Swale, làimh ri York, air latha nollaig anns a’ bhliadhna 598. Anns an t-seirbhis so cha robh éigin air bith; bha gach aon air fhàgail gu saors’ a thoile féin. Chaidh [TD 7] Austin do Wales, a chum nan seann aodhairean agus nan eaglaisean; ach an déigh conaltradh maille ris, dhiùlt iad a thairgse gu clann òg (no mar a’s fearr a dh’fhaodar a ràdh, muinntir fo aois) a bhaisteadh. Mu ’n bhliadhna 602, chaidh, an taobh a stigh do dhà bhliadhna, mòran do na h-eaglaisean a lean r’am fìor-ghloin’ ann an Wales, a sgrios le cumhachd an airm. O ’n àm so thòisich connsachadh guineach, tha Du Pin ag ràdh, eadar na seana Chriosduidhean Breatunnach agus iompachain Austin, a mhair mu thimchioll ceud bliadhna. Cha b’ ann a thaobh teagaisg ach baistidh a bha ’n connsachadh so. Ni mò ’s ann mu ’n àireamh do thumaidhean a bha e, do bhrìgh gun robh, aon chuid, aon tumadh no trì tumaidhean, seasmhach ’an eaglais na Ròimhe. Cha b’ann mu’n mhodh, oir ’s e tumadh ann an aimhnichean, an lochannan, &c., a bha air a ghnathachadh leis na h-uile, ach mu’n dream do ’m bu chòir dha bhi air a fhrithealadh. Anns a’ bhliadhna 600, tha Mabillon ag ràdh, gu ’n d’ thàinig baisteadh, ann an eaglais na Ròimhe, ’nuas gu muinntir fo aois a ràinig seachd bliadhna, agus gu ’n robh naoidheana air an gairm do na h-uile muinntir fo aois. Agus tha Robinson ag ràdh, gu ’n do stad e aig seachd bliadhna ré linntean. Bha strìochdadh do ’n chleachdainn so air iarruidh, agus air a dhiùltadh. Cha robh an t-seann eaglais Bhreatunnach a’ baisteadh muinntir fo aois. (Faic Ency. Metropol.) Bha so air a thoirmeasg dhobh leis an riaghailt a dh’fhàg Criosd aig eaglais; Gnìomh. ii. 41. Ged a bha Constantine Mor air a bhreith ann am Breatunn; ged a bha Helena, a mhàthair, na bana-chriosduidh eudmhor, agus athair bàigheil ri diadhachd, mur robh na fhear aidmheil, cha robh e air a bhaisteadh na leanabh. Ni mò bha Sexted agus Seward, ged a bha ’n athair, Sebert, righ nan Sasunnach an Ear, na dhuine diadhaidh. Bha [TD 8] daoine air tùs gu bhi air an teagasg ann an eòlas na fìrinn, tha Bede ag ràdh, agus an sin gu bhi air am baisteadh, mar a theagaisg Criosd; do bhrìgh, “as eugmhais creidimh gu ’m bheil e eu-comasach Dia thoileachadh.” Ann an ceud bhaistidhean Austin tha Camden ag ràdh, nach robh éigin air a chuir air aon neach; ach gun robh au sluagh le creideamh gu dol do ’n uisge nan dithisibh, agus ann an ainm na Trianaid, gu aon a cheile thumadh! Tha eachdraidh Bhede, air a’ cheud bhaisteadh a bh’ann an Sasunn, anns na h-uile nithe a còirdeadh ris a’ chunntas a th’againn air baistidhean na h-àird’ an Ear. Cha-n eil dearbhadh air bith o Ghildas, no o Bhede, gun robh naoidheanan air am baisteadh re nan ceud sea linntean. Anns a’ bhliadhna 680, tha Fabian, ann an aon do na ceud iomraidhean a th’air an reachd, ag ràdh, Air do naoidhean a bhi air a thabhairt a chum na h-eaglais, gun robh e air fheòraich dheth am b’e Sergius athair; an sin gu ’n d’thubhairt an naoidhean (aon fo aois), “cha-n é.” Cha-n eil ach dà sheanadh, á naoi-déug a’s tri fichead, a’ toirt iomradh air an reachd. Cha d’thug comhairle Nice iomradh air ged a tha comhairlean bu deireannaiche làn deth. Ach a chur crìch’ air a’ chomhstri so rinn INA lagh, anns a’ bhliadhna 700, ag iarraidh gu ’m bitheadh na h-uile clann air am baisteadh an taobh a’s tigh do dheich là’ fichead d’am breith, agus a bha leagail deich sgille fichead Sasunnach (an t-aon suim ri deich puind fhichead Shasunnach a nis), ùbhlaidh air son eas-ùmhlachd. Agus tha Collier ag ràdh ma chaochail an naoidhean roimh ’bhaisteadh gu ’n robh an cuid air a thabhairt o ’phàrantan mar dhiòladh. Ach ciod uime ’m bheil an t-ùbhladh air son eas-ùmhlachd do ’n lagh so cho trom? Tha ’m freagradh deas: tha truimead an ùbhlaidh a’ dearbhadh cho deacair ’s a bha e do ’n eaglais Shasunnaich na seana bhaistich a thabhairt gu strìochdadh [TD 9] d’an reachdan ùra. Cha b’ ann air son fuath air bith a bh ’aig na seana Bhreatunnaich do thumadh a rinneadh an lagh so; oir tha e air a ràdh (Davis’ Mythol. agus ann an eachdraidh Shasuinn le Henry), gu ’n do thum na druidhean aig an àm so, agus na cinnich uile mu ’n cuairt, an naoidheana air an ùr-bhreith: agus air a shon so bha Breatunn air a ghairm borb. Tha Collier ag ràdh gu ’n robh aonachd air a dheanamh suas eadar an eaglais Shasunnach agus na cinnich anns an reachd so aig Amesbury, anns a’ bhliadhna 997. Dh’fhàs an eaglais Shasunnach a nis gràineil ann an sealladh nan cinneach uile, agus ré linntean cha robh iarmad do dhiadhachd ri ’fhaicinn ’na frithealadh 3. Pillidh sin ri eaglais Chriosd. a bha nis ri ’faotainn a mhàin ann an Cornwall. Cha do mheas na Criosduidhean sin a’ghnè dhiadhachd a bh’ anns an eaglais Shasunnaich ni air bith ni b’fhearr na Pàganachd; agus tha Milton ag ràdh, nach robh air an aobhar, sinn comunn air bith aca maille riu. Anns a’ bhliadhna 702, bha ùghdarras air a thabhairt do aon easbuig, agus do sheachd sagartaibh, a chum an sluagh eas-umhail so thoirt gu strìochdadh. Chriochnaich a nis a’ chomhstri mu ’n bhaisteadh ann am fàbhar a’ chlaidheamh. O’n àm so thòisich dorchadas eagalach, a lean ré thrì cheud bliadhna; agus an sin thàinig na baistich a rìs á doilleireachd. Anns a’bhliadhna 1020, tha Collier ag ràdh, gu ’n d’thug an staid neo-shuidhichte anns an robh an rìoghachd, comas do bhràithrean coigreach teachd agus tàmh innte; gu’n robh na h-Albigenses agus na Waldenses air a ghairm dhiubh, agus gu ’n robh e air a’ chuir as an leth gu ’n robh iad a’ sgaoileadh beachdan Bherenger. Bha buaidh mhòr a’dol maille riu ann an teagasg an t-sluaigh, araon, bochd agus beartach air feadh an Eilein. Anns a’ bhliadhna 1070, tha Newton a’ toirt cunntais gu’n d’fhàs Uilleam am Buadh’ear mì-shuaimh- [TD 10] neach le’n soirbheachadh am measg a’ chuid ìochdranaibh, agus air an aobhar sin, gu ’n d’rinn e reachd, “a toirmeasg dhoibhsan a bha ’g àicheadh a’ Phàpa malairt a dheanamh r’a ìochdranaibh-san.” A chuir stad air mearachdan nan soisgeulaichean sin, tha Fox (Opus Scintillarum) ag ràdh, gu ’n do sgrìobh Lanfranc, an t-Ard Easbuig, leabhar a choinneachadh Bherenger, anns am bheil e cuir na aghaidh mu na sàcramaitean. Bha so mu ’n bhliandhna 1141. Bha buidheann eile sluaigh, tha Lingard ag ràdh, a bhuineadh do dhream lìonmhor, eu-céillidh-eudmhor a bha na ’m plàigh ann an taobh tuath na h-Eadailt, anns an Fhrainng, agus anns a’ Ghearmailt, agus ris an d’thubhairt iad “fìor-ghlanaich,” a thàinig, tha e air a ràdh, do Shasunn. Tha Usher a’ gairm dhiubh Pòlaich, ach ag ràdh, mar an ceudna gu ’m b’iad na h-aon daoine iad ris na Waldenses. Bha so mu ’n bhliadhna 1150. Bhuidhinn iad grunnd, agus sgaoil siad iad féin agus an teagasgan thairis air an Roinn-eòrpa uile. Shaoithrich iad a chum anamaibh a thabhairt gu Criosd; agus bha iad air an stiùradh le focal Dé a mhàin. Chuir iad cùl ris na reachdan Ròimheach gu h iomlan. Dhiùlt iad naoidheanan a bhaisteadh, agus shearmonaich iad an aghaidh a’ Phàpa. Bha deich thar fhichead dhiubh sin air an cuir gu bàs làimh ri Oxford, agus bha chuid eile dhiubh ag aoradh ann an uaigneas gus an d’thàinig an dara Eanruig chum a’ chrùin, anns a’ bhliadhna 1158, agus an sin, do bhrìgh sìobhaltachd a laghanna, thainig iad a rìs am follais. Chunnacas a nis, anns a’ bhliadhna 1176, gu ’n robh na h-uiread do choimhthionalaibh do òrdugh nan Albigenses ann an Sasgunn. Tha Collier ag ràdh, c’àit air bith an do bhuadhaich an saobh-chreideamh so, gu ’n robh na h-eaglaisean, an dara cuid gu maslach air an tréigsinn, no air an leagail sìos; agus tha Hobhden ag ràdh, nach robh naoidh- [TD 11] eanan air am baisteadh leo. Thug na comhstridhean, a bha eadar uachdrain rìoghail na rìoghachd so agus na h-àrd easbuigean, ré an dàra agus an treas linn deug, comas do na baistich am beachdan a sgaoileadh gu ro fharsuinn, gun neach air bith g’am bacadh. Anns a’ bhliadhna 1337, do bhrìgh nach robh an claidheamh ann an làimh na Cléire, rinn iad feum do na friadhairean, a chum le searmonachadh gu’ n ceannsaicheadh iad an saobh-chreideamh: ach ghabh an sluagh gràin diubh air son an droch gnàthachaidh. 4. Anns a’bhliadhna 1315, thàinig Bhaltair Lollard (Dùidseach) do Shasunn, agus leis-san bha na baistich, anns an àite sin, gu mòr air am beothachadh, air an neartachadh, agus air am meudachadh. Bha e comarraichte, tha Mosheim ag ràdh air son a dheas-bhriathrachd agus a sgriobhaidhean. Bha e na aodhair ainmeil am measg nam Begherds, anns a’ Ghearmailt; daoine bhaist as ùr tha Wall ag ràdh, na h-uile thàinig thairis a chum an cuideachd. Ann am beachd, bha e comh-ionnan ri Peadair am Brùidheach. Mu ’n àm so, (1338,) thàinig cuideachdan do na h-Waldenses, a bha na ’m Fidheadairean, do shiorramachd Norfolk. Cha d’rinn an sluagh so ach beagan faruim, ged a bha iad, ach beag, anns gach dùthaich do’n Roinn-eòrpa. Tha Hallam ag ràdh, gu’n robh Lollardaich air a ghairm dhiubh nis; ach gu’n robh na h-aon bheachdan aca mu dhiadhachd ris na Paterinich, ris na Picardaich, agus ris na Waldenses. Tha Mac an-Toisich ag ràdh, gu’n d’éirich ann an Sasunn, a nìos gu ruig a’ bhliadhna 1340, mu thimchioll fichead do dhaoine maithe, d’am bu sheirbhis a bhi searmonachadh an t-soisgeil, air chor ’s gun robh am fonn air ullachadh fa chomhair luchd ath-leasachaidh ri teachd. Fhuair na baistich, a nis, le seòltachd, am beachdan an aghaidh pàpanachd a thilgeil sgrìobhta ann an rathad buill do thighibh na Pàrlam- [TD 12] aid. Aig an àm so (1350), bha leabhar air a chuir a mach, a thàinig gu cinnteach o pheann Lollardaich, d’am b’ainm, “Urnuigh agus Gearan an Treabhaiche.” ’Se obair baistich a th’ann, do bhrìgh gu’m bheil e ’g iarraidh, “seadh, seadh, agus ni h-eadh,” a ghnàthachadh ann an conaltradh; agus baisteadh an déigh teagaisg; mar ann an Gniomh. ii. 38. Tha guth an leabhair so gearanach agus searbh an aghaidh nan sagairtean. Tha e dìteadh dhroch-bheirtean, agus a’ toirmeasg olc ìocadh air son uilc. Tha Du Pin ag ràdh, anns a’ bliadhna 1368, gu’n robh deich mearachda fichead, ann an nithibh spioradail, air an cuir as leth an t-sluaigh ann an coimhearsnachd Chanterbury: b’e aon diubh sin gun robh e comasach do naoidheanan bhi sàbhailt as eugmhais uisge bhaistidh. Agus tha Wall ag ràdh, nach do bhaist neach air bith naoidheanan aig an am so, ach air son slàinte shiorruidh. 5. Anns a’ bhliadhna 1372, dh’éirich Wycliffe mar fhear ath-leasachaidh; neach a fhuair a bheachdan air nithibh spioradail o na Lollardaich. Tha Du Pin ag radh, gu’n robh a bheachdan mu’n bhaisteadh air an dìteadh aig comhairle na Friadhaire-dubha. Ach tha Fox a’ toirt fianuis, gu’n do chuir e ’bhriathran an òrdugh le leithid do sheòltachd ’s gu’n do mhaothaich agus gu’n do lagaich e cruadhas a naimhdean. Tha Lingard ag ràdh, gu’n robh na Lollardaich a bha dol mu’n cuairt leis an t-soisgeul gu h-onarach air leth o Wycliffe. Bha iadsan da rìreadh soisgeulach. Anns a’ bhliadhna 1375, air do’n Ròimh agus do Shasunn a bhi thar a chéile, fhuair na baistich cothrom fàbharach air son am beachdan a dheanamh aithnichte; agus nan oidheirpean bha aonta mòran do na h-uaislean leo. Bha iad a nis air meudachadh: thàinig tuillidh a’s leth a’ chinnich gu bhi nan Lollardaich; seadh, chòmhdaich iad Sasunn uile. Anns a’ bhliadhna 1389, tha Rapin a’toirt cunntais, gu’n [TD 13] d’rinn iad suas comunnaibh air leth, a réir nan sgriopturan. Anns na h-eaglaisibh sin bha na bràithrean uile comh-ionnan: bha comas aig gach aon searmonachadh, baisteadh, agus aran a bhriseadh. Tha Fox a’toirt fianuis, gun robh iad aointe ann am beachd mar aon duine. Agus tha Pecock an t-Easbuig, ag ràdh, gun robh Biobalaich air a thoirt mar ainm dhoibh, do bhrìgh nach giùlaineadh iad le dreuchd air bith nach ’eil air a h-àithneadh ann am focal Dé. Chum iad beachd Bherenger air baisteadh naoidheanan, agus cha tugadh iad an clann a chum na h-eaglais gu bhi air am baisteadh. Thug iad an “iuchair gu h-ifrinn” mar ainm air an reachd! Dhùisg meud an àireamh, agus am fuath daingean do’n eaglais Shasunnaich, an naimhdean gu reachdan searbh a ghnàthachadh; agus anns a’bhliadhna 1400, bha lagh air a dheanamh a’ dìteadh nan Lollardach gu bhi air an losgadh gu bàs! Dh’fhàs iad ro lìonmhor ann an Norfolk, agus an sin dh’fhuiling iad gu goirt. Air do Bhonner fheòraich, c’àit an robh an eaglais roimh àm Luther?” tha Fox ag ràdh gu’m faoidte ’m freagradh so thoirt dhà, “am measg nan Lollardach, ann an sgìreachd Norwich.” B’e Sir Uilleam Sawtre an ceud mhartarach fo’n lagh so. Bha e cumail bheachdan baisteach. Bha so anns a’bliadhna 1401. Fathast bha na Bìobalaich a’ meudachadh, agus air fàs cunnartach do’n eaglais. Tha e air a ràdh, anns a’ bhliadhna 1413, gu’n d’ràinig an aìreamh ceud mìle! Bha Sir Iain Oldcastle, na Moirear Chobham, (a thubhairt, “tha mi creidsinn le’m uile chridhe gu’m bheil sàcramaitean Chriosd feumail do Criosduidhean creidmheach uile, ach an aire ghnà thoirt d’a so, gu’m bi iad gu cothromach air am frithealadh, a réir ceud oilean agus òrdugh Chriosd,”) seadh, bha ’n duine maith so, tha Bale a’toirt fianuis, air a chuir an làimh air son a rùintean diadhaidh agus oidheirpean, agus [TD 14] air a chur gu bàs an-iochdmhor, anns a’ bhliadhna 1417. Bha na sgriobturan a nis air an toirmeasg, na tighean-coinneamh uile air an dùnadh; bha tùr (Prìosan), nan Lollardach air uidheamachadh; bha misneach air a thabhairt do chùirtean dùthcha (local inquisitions), air son na saobh-chreidmich a thòrachd; agus ann an sgìreachdan Norfolk, Lincoln, Hereford, Khent, agus Mhiddlesex, dh’fhuiling na baistich gu goirt gu crìch na linn sin. 6. Air do na sgriobturan bhi air an clò-bhualadh, dh’éirich Colet, Latimer, agus daoine eile a chum searmonachaidh gu follaiseach; ni chuidich leis na Bìobalaich, agus a réitich an t-slighe fa chomhair nan atharrachaidhean a chaidh a dheanamh leis an ochdamh Eanruig anns a’ bhliadhna 1505. Anns a’ bhliadhna 1527, bhrùchd solus a steach air a’ chinneach Shasunnach le Tiomnadh Nuadh Thyndale. Air do’n rìgh agus do’n phàpa bhi thar a chéile, anns a’ bhliadhna 1534, bha e air a threòrachadh gu fuasgladh agus misneach a thabhairt do na Lollardaich anns gach àite; agus thaom am bràithrean, maille ri coigrich do gach barail, do Shasunn, a shealbhachadh saorsa, agus a neartachadh fìor dhiadhachd. Bha leabhar a bhuineadh do na Lollardaich, d’am b’ainm “SUIM NAN SGRIOBTURAN,” air a rannsachadh leis an àrd-easbuig: dhìt e iadsan a bha g’a sgaoileadh air son a bhi ’g àicheadh baisteadh na h-eaglais. Anns a’ bhliadhna 1535, dh’ fhuiling ceithir bràithre deug Mennonach bàs gu toileach; agus a nis bha ’n t-ainm tàireil sin, “Lollardach,” air a chur as àite leis an ainm so nach bu lugha tàir, “ana-baisteach.” An àite na marbhaidhean sin a chuir bacadh air am beachdan, is ann a threòraich iad daoine g’an rannsachadh: agus ghabh a’ chléir a leithid do fhuathas ’s gun robh comh-chruinneachadh air a ghairm aig an robh seachd-déug a’s tri fichead d’am beachdan mar mhearachdan air an dìteadh, agus innleachdan air an dealbh [TD 15] a chum an ceannsachadh. An déigh bàis Anna Boleyn* agus Wolsey bha ’n cùird air an cruaidh-theannachadh. Bha ’m beachdan air an toirt a làthair ann an tigh uachdrach na Pàrlamaid, agus reachdan air an dealbh a chum “ana-baisteadh a thabhairt gu riaghailt.” Bha cùirtean air an grad-shuidheachadh anns gach sgìreachd air son am faotainm a mach, agus na h-uile leabhar air a bhaisteadh a thugadh do’n dùthaich o cheann ghoirid air an dìteadh. Ach cha do chuir na reachdan sin na’n tàmh iad. Dhìt iad fathast eaglais Eanruig, agus rinn iad fochaid air uile oidheirpean gu cùisean ath-leasachadh. Tha Strype ag ràdh, “phian na baistich an eaglais, agus thagradh iad gu dàna an còraichean ann an ionadaibh follaiseach.” Bha na baistich a bh’ann am prìosan air am fàgail an taobh a mach do’n mhaitheannas choitchionn a thugadh seachad anns a’ bliadhna 1539. Bha na baistich Dhùidseach fathast a’ taomadh do Shasunn; agus loisgeadh àireamh bheag do na Donataich sin air an ur-thumadh (mar a tha Fuller an t-eachdraiche a’ gairm dhuibh) ann an Achadh-a-ghobha (Smithfield), air son an dìlseachd. Bha na h-uile leabhar ana-baistich a rìs air a dhìteadh, agus òrdugh air a thabhairt do’n luchd-riaghlaidh an lagh a chur an cleachdadh. Na dhéigh so bha geur fhaire air a chumail: agus eadar an t-àm so agus bàs Eanruig, anns a’ bhliadhna 1547, chuir e fo ùbhladh, loisg e, no dh’fhògair e as an rìoghachd, a dhà-dheug a’s tri fichead mìle do’n t-sluagh so! 7. Ri linn Iomhair bha na laghanna peanasach air an toirt air an ais; bha na prìosain air an tilgeil fosgailte, agus mòran dhiubhsan a dh’fhògair iad féin air pilleadh. Bha’n t-Eilean a nis air a roinn na thri earannan do luchd-aidmheil; na baistich, eaglais * Ban-Righ mhi-fhortanach an duine bhruideil sin, Eanruig an t-ochdamh. [TD 16] Shasunnach na Ròimhe, agus na h-ath-leasachairean geur-theann á Genebha. Bha aca sin uile saorsa gu labhairt agus clò-bhualadh. Bha e g’un dàil air a chur as leth nam baisteach gun robh iad a’ deanamh dheisciobul; agus tha Burnet ag ràdh, gu’n d’fhàs iad ro lìonmhor ann an Sasunn. Do bhrìgh nach robh comas a’ chlaidheamh aig a’ chléir, sgrìobh iad am beachdan mu’n bhaisteadh; ach thubhairt na baistich riu air ais, “tha leanaba do rìoghachd Chriosd as eugmhais uisge.” Lucas xviii. 16. Bha na baistich cho lionmhor ’s gu’n robh e air a ràdh gu’n robh cuig ceud dhiubh chòmhnuidh ann an aon bhaile. A nis, do bhrìgh nach do fhreagair leabhraichean a’ chrìoch a bh’anns an amharc, bha ùghdarras air a thabhairt do Chranmer air son an ceannsachadh: ni leag fulangais air mòran. Dh’fhag maitheanas coitchionn na bhliadhna 1550, a rìs a mach na baistich. Bha na h-eaglaisean a bh’ann an Kent air an cuir troimh-chéile, agus dh’fhuiling cuid do dhaoine ainmeil. 8. Air do Bhan-righ Mairi* teachd a chum a’ chrùin, anns a’ bhliadhna 1552, bha na reachdan sin uile bha fàbharach do’n chreideamh ath-leasaichte air an tabhairt air an ais. Dh’fhàg mòran an rìoghachd dhiubhsan nach strìochdadh; ach leig cuid ris (a ghnàthachadh briathran Chalbin), faoin-mheas na h-eaglais Shasunnaich; ni dhùisg gamhlas comhairle Màiri. Anns a’ bhliadhna 1554, bha innleachdan air an dealbh a chur stad air ana-baisteadh; gidheadh, thubhairt na bràithre sin gu dàna, anns a’ cheud àite, gu’n robh baisteadh naoidheana neo-sgriobturail: anns an dara àite, gu’n do thòisich e le pàpanachd; agus ann an treas àite, gu’n d’àithn Criosd gun rachadh teagasg air thoiseach air baisteadh. Chaith fearg Màiri e féin gu sònruichte air an luchd ath-leasachaidh. 9. Anns a’ bhliadhna 1588, gheall rìoghachadh † Mairi fhuilteach Shasunn. [TD 17] Elisabet saorsa; ach bha beachdan troimh-chéile nan cinneach mu dhiadhachd, ’na barail, a’ tilgeil smal air a h-ùghdarras. Air dhi gun bhuadhachadh ann an tosd a chur air na baistich le gairm-fhollaiseach (proclamation), thug i àithne dhoibh uile, anns a’ bhliadhna 1560, an rìoghachd fhàgail an taobh ’stigh do aon là thar fhichead. Chum a’ chuid bu mhò dhiubh ’m beachdan ann an dorchadas. Air do choigrich a bhi air am fulang ann an Sasunn, tha Fuller ag ràdh, “thaom teaghlach a’ ghràidh” (Baistich Mhennonach) “ann, agus sgaoil siad iad féin gu h-anabarrach.” Bha ’n àireamh mòr ann an Norfolk, agus rinn iad suas comunnaibh ann an iomadh àite. An déigh a bhi air an cur as ré sheachd bliadhna deug, chaidh teintean Achadh-a-ghobha ’rìs a bheothachadh; agus dh’fhuiling dithis bhràithre Mennonach. Neartaich luchd-imrich as an Olaind na h-eaglaisean; agus bha tighean truacanntais, ’se sin, tighean-coinneamh a bhuineadh do’n “dol-air-leth” (dissent), air am fosgladh ann am mòran àitean. Anns a’ bliadhna 1600, thàinig a’ chuis gu bhi cho searbh an aghaidh nam baisteach, maille ri gairm fhollaiseach na bliadhna 1595, ag òrduchadh do ’n iomlan-diubh an rìoghachd fhàgail, ’s gur beag nach robh “dol-air-leth” air a sgrios ann an Sasunn. Tha Brandt ag ràdh, ged a bha na baistich air am fuadach a Sasunn ’na là-san, gu’n robh leithid a dh’àireamh do eadar-dhealachadh gnè ann diubh, ’s gur gann bu chomasach do neach air bith an àireamh a dheanamh suas. (Faic Eachdraidh ’n ath-leasacnaidh, a chéud earrann, agus taobh duilleig 336.) Dh’fhaodta iomadh fianuis ainmeachadh a dhearbhadh caithe-beatha ionmholta agus naomha nan ceud bhaisteach. Tha Erasmus ag ràdh, anns a’ bhliadhna 1529, “ged a tha na h-ana-baistich ro lìonmhor, cha-n eil seilbh aca air tighean-aoraidh air bith. Tha na daoine sin airidh air cliù os ceann chàich air son neo-lochdaichead an caithe-beatha; ach tha fòirneart air a dheanamh orra leis [TD 18] gach gnè eile.” Agus tha Bullinger ag ràdh, ’na Eachdraidh air ana-baisteadh, “Abradh daoin’ eile an ni ’s àill leo mu na h-ana-baistich cha-n fhaic mi féin ni air bith annta ach stuamachd: cha chluinn mi ni air bith uatha ach nach faod sinn mionnachadh, nach faod sinn eucoir air bith a dheanamh, gu’m bu chòir do na h-uile bhi diadhaidh agus naomha nan caithe-beatha; air an aobhar sin cha léir dhomh lochd air bith annta. Tha iad a’ gnathachadh seadh agus ni h-eadh nan conaltradh.” Tha dearbhaidhean do’n nàdur cheudna air an tabhairt air an aghart le Commenius, le Scultetus, le Besa, le Cloppenberg, le Cassander, le Heiden, le Horn-bec, le Cocceius, le Burnet an t-Easbuig, leis an Ollamh Wall, leis an Ollamh Haweis, leis an Ollamh Lingard, agus le Sir Seumas Mac-an-Tòisch. [TD 19] AN II. EARRANN. BHO’N T-SEATHAMH LINN DEUG GUS AN T-AM A TA LATHAIR. 5. ANNS a’ bhliadhna 1600, bha reachdan na Ban-Righ nan aghaidh-san nach strìochdadh do’n eaglais Shasunnaich cho cruaidh-theann air an giùlan air an aghaidh le cuid sheirbhiseach, nan eud air son a’ ghnè chreidimh sin, ’s gu’m bheil e neo-chinnteach am biodh e comasach ann an toiseach na seachdamh linn deug deadh choimhthional a chruinneachadh ann an cearn air bith do’n rìoghachd. Tha e cosmhail gu’n do leig an sluagh a nis, ann an cumantas, dhiubh bhi ’g agairt còir sam bith air saorsa, aon chuid aimsireil no spioradail; agus bha ’n cinneach, le dìth luchd-teagaisg spioradail, a’ pilltinn gu luath ’chum na staid bhorb anns an robh e air tùs. Aig bàs Elisabet, anns a’ bhliadhna 1603, bha Seumas, righ Albainn, air fhàilteachadh a chum na righ-chathrach. Ann an Albainn dh’fhairich e gu’n robh chomhairlean air am bacadh le cléir a’ chinnich sin; agus na shuidheachadh ùr, dhiùlt mòran diubh sin an làmh a chuir r’a reachdan [?] dhiadhachd. Thubhairt Seumus ris na spiorad[?] do-lùbadh sin, “Tha dreach ana-baisteach gu trom air bhur faicill.” Na dhéigh so dhiùlt an righ fàbhar air bith dhoibh-san nach strìochdadh. (Nonconformists.) 6. Bha nis còraichean reachdan agus ghnàthan na h-eaglais Shasunnaich, agus eaglais na Ròimhe, air an rannsachadh le daoine aig an robh tàlannan agus fiosrachadh mòr. Aon ni dh’éirich o so, gu’m [TD 20] b’iad na baistich an t-aon bhuidheann do luchd-aidmheil a fhuaradh, an aghaidh nach robh cumhachd air bith aig na h-argumaidean a bh’air an gnàthachadh an aghaidh reachdan air nach ’eil iomradh anns an fhìrinn. Dhùisg am fianuis dhaingeann agus do-aomadh an aghaidh cleachduinn a bh’air aideachadh leis gach cuideachd eile suas mì-run an luchd comhstri uile. A chum cleachduinn crathaidh an uisge air naoidheanan fhìrinneachadh, chuir na Briuthanaich (independents) as leth nam baisteach gu’n robh iad ag eigheach cogadh follaiseach an aghaidh cumhnanta siorruidh Dhe; agus gu’n robh iad a’ murt anma leanaban agus chiochran le seulachan follaiseach na slainte dhiultadh dhoibh.* Anns a’ bhliadhna 1604, thug Mac-a-Ghobhann, duine measail, agus aon dhiubh-san a bha gabhail na làimh thoisich am measg nam baisteach, freag- * Cha gabh, tha sinn a’ creidsinn, argumaid air bith toirt air aghaidh air son crathaidh uisge air leanaban, nach ’eil calg-dhìreach an aghaidh pàirt éigin do’n fhìrinn. 1. Tha na h-independents an so ag ràdh, gu ’m bheil na h-orduighean na ’n seulachan air slàinte; ach anns an t-soisgeul cha-n ’eil iomradh air seula sam bith ach obair an Spioraid Naoimh. Eph. i. 13, iv. 30. 2. Their cuid eile, “tha baisteadh naoidheanan g’ an cuir ann an seilbh air maitheanas peacaidh;” ach cha-n ’eil aig naoidheanan gnìomhan peacach gu maitheanas fhaotainn annta. Rom. v. 14, 15; Mata. xviii. 3; 1 Cor. xvi. 20. 3. “Tha ’n cùmhnant a rinneadh ri Abram comh-ionann ri cùmhnanta nan gràs:” ach tha ’n dara aon siorruidh, agus air a dheanamh ri Criosd (Tit. i. 2; Eph. i. 4), agus tha e cinnteach do ’n t-sìol spioradail uile, Rom. iv. 16; cha robh ’n t-aon eile air a thabhairt gus an robh Abram 99 bliadhna dh’aois, agus 24 bliadhna an deigh dha bhi air gabhail ris. 4 “Tha baisteadh ann an àit’ an tiomchloil-ghearraidh:” ni h-eadh, bha ’n dara aon air a chuibhreachadh ri firionnaich. Gen. xvii.10, Tha na fiachan fo ’m bheil e cur, Gal. v. 2, 3, agus a bhrìgh mar shamhla, Rom. ii. 28; a toirt na breige do na briathra, Gal. iii. 28. 5. “Cuiridh baisteadh an leanabh ann an cùmhnanta nan gràs.” Air do na leanaban fàs tha ’n gnìomhara peacach a’ dearbhadh nach ’eil na briathra so fior, do bhrìgh gu ’m bheil an cùmhnant sin neo-chaochlaidheach. 2 Sam xxiii. 3; agus sonas nan uile aig am bheil an ainm an sin cinnteach. Eabh. xii. 23; Taisb. xiii. 8; Eoin. vi. 39, x. 28. 6. “Tha creideamh nam pàrantan na ùghdarras do ’n reachd:” “as eugmhais creidimh (pearsanta) tha e eu-comasach Dia thoileachadh,” Eabh. xi. 6; Rom. xiv. 23; Mata. iii. 9. 7. “Tha còir aig leanaban phàrantan creidmheach air baisteadh do [TD 21] radh do’n chasaid neo-chothromaich so, ann an leabhar d’am b’ainm ‘CLIU A’ BHEATHAICH.’ Tha e gnàthachadh briathran mar a leanas, a leigeil ris beachdan nam baisteach a bh’ann ’san là sin, agus an aobharan air son sgaradh o luchd baistidh leanaban. “Biodh e aithnichte, air an aobhar sin, dhoibhsan uile ris an do chuir sinn cul, gu ’m bheil sinn ’ga meas a thaobh an seol-riaghlaidh cho dearbh na’n striopaich aon chuid r’ a mathair an eaglais Shasunnach no r’ an sean-mhathair eaglais na Roimhe, an leasradh ’mach o ’n d’ thainig iad. Tha ’n eaglais fhior air a deanamh suas do chruthachadh nuadh, baiste do ’n Athair, do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad Naomh; ach an eaglais bhreugach do naoidheanan baiste,” &c. bhrìgh gu ’m bheil iad naomha:” ach tha focal Dé cur an céill gu ’m bheil na h-uile th’air am breith, seadh na h-uile dhiubh, mi-naomha, Job, xxv. 4; Salm. li. 3; Rom. iii. 9; Eph. ii. 3. 8. “Tha còir aig clann a’ gheallaidh air baisteadh:” ach cha-n iad clann na feòla clann Dé, Rom. ix. 8; agus dhoibhsan d’am buineadh na geallanna air tùs, bha baisteadh air a dhiultadh mar do chreid iad, Lucas, iii. 8. 9. “Tha leanaban air an naomhachadh le baisteadh.” Cha-n ’eil e ’n comas doibh a bhi naomha chum an t-ordugh a ghabhail, agus fathasd tha iad air an naomhachadh leis. Agus a thuillidh air sin, cha-n ’eil na sgriobtura toirt iomradh air naomhachadh sam bith ach e sin a bhuineas do oighreachan glòire, 2 Tesal. ii 13; 1 Peter, i. 2. 10. “Le baisteadh tha leanaban air an deanamh nan oighreachan air nèamh:” ach tha focal Dé ag ràdh gu ’m bheil naoidheanan nam buill d’a rìoghachd as eugmhais uisge. Lucas, xviii. 16; Mata. xviii. 3. Tha luchd baistidh naoidheanan ag ràdh gu ’m bheil focal Dé na riaghailt iomlan gu creideamh agus cleachduinn a stiùbhradh; gidheadh tha iad a dh’aindeoin a ceangal an leanaban ri gnè aidmheil mu ’n urrainn iad roghainn a dheanamh ann an ni air bith. Tha iad a’ cur an céill gur e rioghachd spioradail a th’ann an rìoghachd Chriosd; gidheadh tha iad a’ sparradh chuspairean feòlmhor innte gun tàmh, ann an aghaidh an fhocail, 2 Corint. vi. 4. Agus ged a tha iad le ’m bilean ag ràdh, gu ’m bheil an eaglais air a deanamh suas dhiubhsan a th’ air an ath-ghineamhuinn, gidheadh air dhoibh an comharran spioradail a thoirt do na h-aindiadhaidh dhoibhsan a tha dearbhadh a bhi nan amaidain, nan luchd àicheidh na firinn, agus nan luchd geur-leanmhuinn; tha iad a deanamh comunn saoghalta dhith, agus ag aonadh anns a’ chleachduinn leanabaidh le Pàpanaich, le Mahometanaich, agus le Pàganaich. Bha ’n dream so mu dheireadh a’ crathadh uisge an naoidheanaibh fada mu ’n d’ rugadh Eoin Baiste. [TD 22] 7. Bha na h-oidhirpean a bha luchd baistidh leanaban a’ toirt air beachdan nam baisteach anns a’ bhliadhna 1610, le bhi ’g an cuir ann an droch cruth a thaobh slàinte leanaban, comasach gu leòir air coire dheanamh d’ an aobhar. Chuir na bràithrean Mennonach, no teaghlach a’ ghràidh, daoine ghléidh an àite anns an rìoghachd ré leth-cheud bliadhna, iarrtas a chum an righ a thaobh a’ chliù dhocharaich so, an dùil gu ’n gnàthaicheadh e chumhachd a chum an dion; ach bha ’n ùrnuigh air a cuir an neo-bhrìgh, agus, dh’fhàs an staid fathsad ni bu chunnartaiche. Anns a’ bhliadhna 1611, agus air a’ cheathramh là deug do mhìos meadhonach a’ gheamhraidh, bha Mr Wightman, aon do na baistich, air a dhìteadh air son àireamh do mhearachdan creidimh (mar a thubhairt iadsan riù), agus air a losgadh goirid an déigh sin. ’S e baistich a bh’ anns na ceud mhartaraich agus anns na martaraich dheireannach ann an Sasunn. Chaidh cuid dhiubh ’nis air imrich do dh-America, agus tha iad fo dheadh chliù anns an àite sin. ’S ann aig Mac-a-Ghobhann ’s aig a bhràithre bha ’n toiseach ann an sgrìobhadh an aghaidh geur-leanmhuinn. ’S e b’ ainm do ’n leabhar so, “GEUR LEANMHUINN AIR A FEUCHAINN AGUS AIR A DITEADH.” Bha e air a choisrigeadh “do na h-uile tha ann am firinn a’ miannachadh soirbheachadh Ierusaleim agus sgrios Bhabiloin.” Tha e air a dheadh sgrìobhadh; tha e ’g ainmeachadh na fulangais fhada agus chlaoidhte d’ an robh na baistich rùisgte, agus an fhoighidinn leis an do ghiùlain iad leo. A chum am beachdan fathasd a sheasamh, bha leabhar Dùidseach air eadar-theangachadh anns a’ bhliadhna 1618, d’ am b’ ainm. “AM BAISTEADH, GU COTHROMACH AGUS GU SIOMPLAIDH AIR A MHINEACHADH.” Dhùisg na nithe ’bh’ anns an leabhar bheag so fuathas mòr, agus bha buaidh air a thabhairt air a chomhairle gu gairm-fhollaiseach (proclamation) a chuir a mach [TD 23] an aghaidh nam baisteach maille r’ an leabhraichean. Anns a’ bhliadhna 1620, thog iad aon uair eile ’n cùis gus an righ; dh’aidich iad gu duineil na nithe anns an robh iad air leth; leig iad ris na cruaidh-chàsan agus an sàrachadh a dh’fhuiling iad fo ’riaghladh, agus dh’asluich iad gu ’m biodh an cùird ni éigin air an lagachadh: ach bha ’n iarrtas gun fheum air bith. 8. Anns a’ bhliadhna 1625, thàinig a’ cheud Tearlach a chum righ-chathrach athar. Bha cuideachd nam fìor-ghlanach a nis ann an seilbh air neart agus meas mòr am measg fir-ionaid an t-sluaigh. Cha do chuidich an ni so co dhiù a bheag leis na baistich, agus thug an cruaidh-chàsan air mòran fasgadh iarraidh ann an dùthchaibh coigrich. Am measg na muinntir sin, anns a’ bhliadhna 1630, bha Ruairidh Mac Uilleam, neach a thog eaglais bhaisteach ann an Eilean Rhode (a nis, aon do mhòr-roinnean a’ chomh-bhoinn Americanaich) agus le caithe-beatha gun sannt, a chuir roimh na cinnich mu ’n cuairt a’ cheud eisempleir do shaorsa aimsireil agus spioradail. Dh’fhàs an sluagh ann an Sasunn a nis ro neo-shuidhichte, agus le cùisean anns an staid so chuidich na conspaidean mu nithe spioradail. Am measg nan leabhraichean a thàinig o ’n chlò-chlàr bha àireamh mu thumadh agus mu dhòrtadh ann am baisteadh. Thug an rannsachadh a dh’éirich o so air beachdan nam baisteach a bhi gu farsuing air an sgaoileadh; agus dh’aon mòran do luchd baistidh leanaban iad féin r’ an eaglaisibh, a bh’ air an cuir ri chéile air a’ phrionspal, gu ’m bheil aonachd ann am beachd do-sheachnadh, ma ghleidhear òrdugh sgriobturail. Anns a’ bhliadhna 1633, bha na comainn sin air an gairm gu mòran dheuchainnean fhulang; agus bha ’n cinneach le ’m fulangasaibh, maille ri fulangais na muinntir nach strìochdadh (Nonconformists) an cumantas, air a bhrosnachadh gu cuir as do ’n eaglais Shasunnaich agus do ’n rìoghachadh. [TD 24] 9. Thug an staid troimh-chéile anns an robh an cinneach anns a’ bhliadhna 1640, comas do na baistich am beachdan mu nithe spioradail a chraobh-sgaoileadh le tomhas do shaorsa. Air do ’n eaglais Shasunnaich a cumhachd a chall, fhuair cuid comas, agus threòraicheadh cuid eile gu focal Dé a rannsachadh iad féin; agus bhris beagan soluis a steach air an t-sluagh a bh’ air a shealbhachadh a mhain an sin. Air do ’n fhirinn a bhi air a sgaoileadh as eugmhais cuibhrich, dh’fhàs na h-eaglaisean baisteach gu mòr. Tha iomradh air a thoirt air cuid d’ am ministeirean mar dhaoine fòghluimte agus measail, eadhon le ’n naimhde. Anns a’ bhliadhna 1641, tharruing am meas fo ’n robh iad a mach mòran do leabhraichean beaga guineach o’n mhuinntir aig nach robh arm air bith eile gu ’chluich; ach dhìon siad iad féin ann an leabhar d’ am b’ ainm “TUMADH AIR A MHINEACAADH.” Lean leabhraichean eil’ air a luirg, agus ghabh an teagasg sgriobturail, tumadh nan creidmheach, greim teann air inntinn an t-sluaigh Shasunnaich. Bha ’n t-òrdugh gu follaiseach air a theagasg agus gu follaiseach air a fhrithealadh. Ghairm an soirbheachadh so ’mach luchd baistidh nan leanaban; agus ri bliadhnachan, bha reusonachadh follaiseach aig àmaibh suidhichte air a ghiùlan air aghaidh eadar ministirean Criosduidh mu ’n mhodh air am bu chòir, agus mu ’n dream d’ am bu chòir am baisteadh a bhi air a fhrithealadh, ni thug fàs mòr air na bràithrean baisteach. A chum ìompachain a dhaingneachadh na ’m beachdan sgriobturail, agus a dhearbhadh do ’n t-sluagh cho reusanta ’s a bha ’n teagasgan agus an cleachduinn, chuir na h-eaglaisean Lunnainneach a mach leabhar aidmheil creidimh, ann an dà earrainn deug a ’s dà fhichead. Chuir Mr Cornwall mar an ceudna mach a leabhar d’ am b’ ainm, “UGHDARRAS RIOGHAIL IOSA AN RIGH AIR FHIRINNEACHADH.” Bha [TD 25] ’n leabhar so air a choisrigeadh do thigh a chumanta (House of Commons), agus air a roinn air a bhuill aig an dorus anns a’ bhliadhna 1643. Chaidh buaidh an cois nan oidhirpean sin. Tha Nial ag ràdh gu ’n “d’fhàs na baistich gu h-iongantach.” Bha mòran diubh anns an armailt; seadh, “b’ iad na baistich roghainn Oliver ann an cath;” agus tha Bagster, a bha na shearmonaiche do fhear-dìon a chreidimh, (Protector) ag ràdh, “is cuideachd do dhaoine diadhaidh, iad.” 10. B’e aon aobhar, a réir baraileach, a thug orra soirbheachadh, am fuath bh’ aig a’ chuid bu mhò do bhi tumadh naoidheanan air an ùr-bhreith, air son nan tuiteamasan mi-thaitneach a thachair air uairibh leis. Thug na conspaidean mar an ceudna dearbhadh soilleir do dh-àireamh ro mhòr, nach robh aig baisteadh leanaban uiread a’ s faileas do chùl-taic’ o fhocal Dé. Bha cia meud do dh-uisge bu chòir a bhi air a ghnàthachadh a nis na cheist mu ’n robh daoine reusanachadh gu sòluimte; agus bha crathadh fa dheireadh air a mheas na bu leoir air son gach crioch a bh’ aig a bhaisteadh chriosduidh anns an amharc. Air dha so ’bhi air a dhaingneachadh anns a’ bhliadhna 1646, dh’éirich iomadh deas-ghnath chum aithris air le fochaid: ni bhrosnaich feachd luchd baistidh leanaban gu h-anabarrach. Bha Ruairidh Mac Uilleam, a bha nis ann an Sasunn air sgrìob á Eilein Rhode, air a bhrosnachadh le fuaradh garbh o fheachd nan eas-cairdean, gu leabhar d’ am b’ ainm, “GEUR-LEANMHUINN AIR SON COGAIS AM PRIONSPAL FUILTEACH,” a chuir a mach. Chuir Spanheim a mach leabhar d’ am b’ ainm, “TRUAIDHEAN NA GEARMAILT NAN RABHADH DO SHASUNN.” Bha e ri fhaicinn gu ’n robh nis guala air a cuir ri guala chum na baistich a chuir fodha. Dh’ iarr an naimhdean cuideachadh na pàrlamaid a chum cuir as do na “mearachdan agus do na beachdan saobh-chreidmheach a bh’ air buadhachadh, agus a chomh- [TD 26] duich am fearann.” Anns a’ bhliadhna 1646. Bha e air a bhacadh leis an riaghladh do na baistich a bh’ anns an armailt a bhi searmonachadh no baisteadh. A chomhlachadh nan reachdan sin, agus a chumail air ais nan droch crìoch a bh’ ac’ anns an amharc, chuir na baistich a mach leabhar-aidmheil air an creideamh agus air an cleachduinn, air a labhairt ris a’ phàrlamaid, le ainm sea minnistirean deug air an cur ris. Na chuideachadh dha so bha leabhar Bhlackwood, d’ am b’ ainm “STOIRM AN ANA-CRIOSD.” Bha na baistich aig an àm so na bu lìonmhoire na gach gnè eile bh’ anns an fhearann. Tha Russell ag ràdh “gu ’n robh ’n armailt làn do luchd-searmonachaidh, do luchd-ùrnuighean, agus do dhaoine treuna ’bha do ’n bheachd so.” Anns a’ bhliadhna l647, bha ’n saighdearachd agus am prionspalan air an toirt fa’ near leis a’ phàrlamaid, agus bha reachd air a dheanamh nam fàbhar. Tha e air aideachadh gu’n robh aig an àm so gnè do chràbhadh ri fhaicinn a’ measg a’ chinnich gu leir. Dh’fhairich na baistich, aig an robh an cuid féin anns a chomhstri air son saorsa nis cho cudthromach ’s a bha iad anns an rìoghachd, agus nochd iad mòr-chùram air son an tròcair sin fhaotainn air a daingneachadh air bonn seasmhach agus cothromach; ach bha bacadh air a chuir air glòir-mhiann Chromwell leis na h-oidheirpean sin, agus chuir e roimhe na baistich atharrachadh o na dreuchdan urramach sin o ’n robh e cosmhail gu ’n éireadh ni air bith gu cuir an aghaidh a sgeumannan. A chum na crìche sin chuir e ’armailt an òrdugh as ùr, a’ cuir nam baisteach as gach àite bha inbheach, agus anns an robh bheag an earbsa riù. Ach cha do chum so air ais am fàs: sgaoil iad anns an dùthaich, agus bha e air a ràdh gu’n robh a’ chuid bu mhò do réisimeidean an dà chuid, nan each agus na coise a’ cumail am beachdan. A chuir bacadh air am fàs, thog na Presbiterianaich an guth an aghaidh a bhi ceadach- [TD 27] adh do na h-uile an toil féin a dheanamh ann an nithibh spioradail, fhuair iad lagh air a dheanamh, chum co air bith a theireadh gu ’m bheil baisteadh naoidheanan neo-laghail no gun bhrigh, agus gu ’m bheil an leithide sin gu bhi air an tumadh, gu ’m bi e air ordachadh dha a mhearachd a threigsinn, ach mar treig, gu ’m bi e air a chuir am priosan gus am faigh e urras. Tha Nial ag ràdh “gu ’n robh ùghdarras air a thabhairt do Mr V. Powell, ministeir baisteach, a thaobh Wales, do bhrìgh gu ’n robh iad a dh’ easbhuidh meadhona nan gràs, agus trìd oidheirpean-san, maille ri oidheirpean cuid eile, gu ’n d ràinig àireamh nam baisteach ann am beagan bhliadhnachan fichead mile anns a’ chearn sin do ’n rìoghachd.” Anns a’ bhliadhna cheudna bha meadhonan air an gnàthachadh le luchd riaghlaidh na rìoghachd a chum Eirinn ath-leasachadh. An so fhuaras gu ’n robh àireamh do dh-eaglaisean baisteach a làthair, agus o ’n àm so bha companas air a ghleidheadh eadar na bràithrean aig an tigh agus iad sin anns an Eilean làmh riu. Mu ’n bhliadhna 1650, tha e soilleir gu ’n robh fàs mòr aig na h-eaglaisean baisteach, agus bha ’n aobhar air a neartachadh le àireamh do mhinisteirean o ’n eaglais Shasunnaich bhi air a chuir riu. Anns a’ bhliadhna 1653, bha cheud chomh-bhann do dh-eaglaisean baisteach ann an Sasunn agus ann an Wales air a chur ri chéile. Bha cheist a nis air a cur o dhuine gu duine, cia fhad bu chòir do laghanna an t-saoghail agus na h-armailt aire Chriosduidhean a thoirt suas. Chronaich mòran do na baistich gu follaiseach agus gu ro-gheur dòigh riaghlaidh Chromwell; agus bha cuid dhiubh fulang air son a bhi leigeil ris am beachdan mu laghanna na rìoghachd ann an cainnt theith. Dhùisg rùn-suidhichte Chromwell a chum na h-uile baisteach a chuir as a riaghladh agus as armailt gnè do spiorad dùbhlanach anns na seann saighdearaibh; Agus anns a’ bhliadhna 1654, chuir na h-oifigich iarrtas, [TD 28] thuige féin maille r’ a chomhairle. Tha ’n t-iarrtas so feòraich “nach ’eil do bhailtean beaga agus mòra, do mhòr-roinnean, t-eileana, do chaisteil, do loingeas-cogaidh, do phàilliunna, t-armailt, agus do lùchairt làn do na baistich? Cha-n ’eil eadhon do chomhairle falamh dhiubh; a mhain dh’ fhàg sinn do theampuill dhuit féin gu aoradh annta, air chor ’s gu ’m bheil sinn a’ creidsinn gu ’m bi e na ni cruaidh an toirt as am freumhaibh.” Bha ’n cumhachd cho mòr ’s gu’n do thairg Cromwell na ministeirean baisteach a gabhail a steach do ’n eaglais Shasunnaich maille ris na h-easbuigean; ach ri so chuir iad cùl. A’ faicinn nach deanadh deadh-ghean cùirt’ an tàladh, ’s nach cuireadh bagraidhean nan tosd iad o bhi geur-chronachadh, ghiùlain e air aghaidh a reachdan le ’n cur as gach àite cudthromach. Goirid an déigh so chaochail e, anns a’ bhliadhna 1657, agus an ùine ghearr thàinig an dara Tearlach a chum na righ-chathrach. Thug an righ so air cùisibh dol air an ais ré dheich a ’s dà fhichead bliadhna. An déigh na chailleadh do shaibhreas agus do dh-fhuil, dh’fhàg beagan achdan o ’n phàrlamaid na sochairean a bhuannaich iad gu h-inbhe bhig gun bhrìgh. B’ éigin do na baistich deuchainnean do ’n ghnè bu chruaidhe fhulang; chuireadh fo ùbhladh iad, phrìosanaicheadh iad, chomhtharraicheadh le h-iarrann dearg iad, agus sgapadh o chéil’ iad. Bha na nithe cràiteach an-iochdmhor sin air an giùlan le mòran diubh le foighidinn ghaisgeach. Chuir an t-achd a chaidh a dheanamh am fàbhar na muinnitir nach strìochdadh do ’n eaglais Shasunnaich àireamh bheag do mhinistirean o ’n eaglais sin r’ ar luchd-barail, ach bha na comuinn a bh’ air an togail fo ’ministeirealachd do nàdur measgta. Co dhiùbh bha na meadhonan a ghnàthaich an luchd riaghlaidh ann am mìne gu mealladh, no ann an seirbhe thoirt a dh’aindeoin, cha do fhreagair iad a chrìoch a bh’ ac’ anns an [TD 29] amharc. Ghuir na neo-strìochdairean (Nonconformists) gu gaisgeil cùl ris gach tairgse air son iad a ghéilleadh. Tha Sir Seumas Mac-an-Toisich, ’na eachdraidh air an tionndadh-thairis (Revolution) ag ràdh, gu ’n d’fhuiling na baistich barrachd air dream air bith eile fo riaghladh an dara Tearlaich. Bha na baistich, tha Burnet a’ toirt fianuis, nan luchd dheadh bheus, agus nan luchd gràidh mhòir; bha iad fad’ o bhi ann an réite ris an eaglais Shasunnaich; air chor ’s nach deanadh ni air bith iomchuidh iad air deadh-ghean agus obair ach saorsa iomlan. 12. Tha Dr Wall ag ràdh, nach ’d fhàs na baistich fo rìoghachadh an II. Tearlaich. Tha Mr Hutchinson a’ cur an céill, gu ’n do sgaoil iad anns a’ bhliadhna 1676 mar neul thairis air an fhàireagan Shasunnach. Anns an àm so bha ’n àireamh air a mheas mu dheich mile ann an Lunnainn agus mu ’n cuairt. Anns a’ bhliadhna 1684 bha ’n tighean coinneamh gu h-iomlan air an dùnadh; agus anns a’ bhliadhna ’n déigh sin, chaidh reachdan a dheanamh leis an robh iad air an cur ann an suidheachadh ceart mar a dh’ fhairicheadh ceud bliadhna roimhe sin: ach ann am meadhon nan innleachdan sgrios sin bhàsaich an righ. Bha aig an II. Seumas a thàinig na àite, fuath nach bu lugha do luchd a’ chreideamh ath-leasaichte. Bha mòran do ’n dol-air-leth ann an siorramachd Shomerset, agus ann an Siorramachd Dhorset, air am faotainn ann an luib innleachd neo-ghlic a chaidh a dhealbh a chum an dùthaich a shaoradh o na reachdan sin: ach dh’ fhosgail fòirneart an t-slighe air son fear-tearnaidh, ann am pearsa prionns’ Orange. Eadar toirt air ais an righ, anns a’ bhliadhna 1688, agus tionndadh thairis an riaghlaidh, bha e air a mheas gu ’n d’ fhuiling 70,000 pearsa air son diadhachd. Bha 8,000 air an cur gu bàs, agus £12,000,000 airgid air a phàigheadh ann an ùbhladh. [TD 30] 13. Fhuair an III. Uilleam do na neo-strìochdairean achd na saorsa. (Toleration act.) Thug an t-achd so saorsa do ’n dol-air-leth. Dh’ fhàs na h-eaglaisean baisteach a nis gu mòr. Tha Dr Wall ag ràdh, anns a’ bhliadhna 1689, do na h-uile luchd-aidmheil a tha sgaradh o ’n eaglais stéidhichte is iad a ’s lìonmhoire. Ann an Essex, an Kent, an Suffolk, an Surrey, &c., tha iad ro thearc a tha sgaradh o ’n eaglais ach iad féin. Tha iad mar an ceudna nan sgaothan ann an Lunnainn agus na chrìochaibh. Anns a’ bhliadhna 1689 chòmhlaich fir-ionaid corr a’s ceud eaglais diubh ann an Lunnainn. 14. Goirid an déigh an tionndaidh thairis thug lìonnmhoireachd an eaglaisean air na baistich iad féin a dheanamh suas nan dà chomh-bhann deug. Tha aon do litirichean a’ chomh-bhoinn an iar ag aideachadh mòr thoileachadh anns an aonachd, anns a’ chomh-chomunn, agus anns an t-sìth a bhuadhaich anns na h-eaglaisean uile. Ach chaidh an soirbheachach so gun dàil a thaobh, gu sònraicht’ anns a’ chomh-bhoinn Lunnainneach. Bha beachdan Agricola air an ath-bheothachadh le Dr Cripps, anns a bhliadhna 1696, agus dhearbh iad a bhi nan deoch chodal spioradail do ’n chorp. Ged a thàinig na bràithrean gu bhi gu mòr air an roinn mu nithibh a bhuinneadh do dh-eòlas cinn, gidheadh, chuir iad a mach leabhar aidmheil anns a’ bhliadhna 1700, ris am bheil làmh ceud eaglais diubh, anns am bheil beachdan Calbhineach agus Trionaideach air an cumail. Bha so a réir coslais air a dheanamh a chur bacadh air na teagasgan Socinianach agus Antinomianach a bha aig an àm so a bagar nan comh-bhann, agus am bliadhnachan ri teachd a gharbh-ghluais, a roinn, ’s a dh’ ath-roinn, na h-eaglaisean. Mar so air an lagachadh an taobh a stigh, agus fosgailte do chumhachd phrionspalan àrd-eaglaiseach o ’n taobh a mach, [TD 31] dh ’fhàs an suidheachadh ro chunnartach. Anns a’ bhliadhna 1710, bha cuid d’ an àitean-aoraidh air an leagail, agus cuid do na bràithrean air an claoidh le reachdan leibideach air son a bhi teagasg muinntir eile. Air do ’n ghaillinn a bhi mar so a’ bagar, bha na ministeirean Lunnainneach air an dùsgadh suas; agns thug iadsan gairm do dh-eaglaisean na dùthcha gu aonadh maille riu ann an ùrnuigh. Bha ’n dian-iarrtas so ri nèamh air a fhreagairt air mhodh comhtharraichte anns a’ bhliadhna 1712; agus bha teasairginn air a thabhairt ann an àm na teanntachd. Ach an déigh na cobhair fheumail so shocraich na h-eaglaisean ann an suain chodail. Sgaoil a nis beachdan mi-chreidmheach, Socinianachd, agus pàpanachd am fad ’s am fagusg. ’S e baisteadh naoidheanan am bonn air an d’thug Collins ionnsuidh air aidmheil na firinn anns a’ bhliadhna 1724. Rinn a leabhar toirm-ghluasad mòr, agus bha cuig freagraidhean deug thar fhichead air an sgrìobhadh. Mu mheadhon na linn so chunnacas gu ’n do lughdaich na h-eaglaisean baisteach gu mòr ann an àireamh o thionndadh thairis an fhrithealaidh. Anns an àm a ta làthair ’siad na nithe tha gu sònruicht’ air an rannsachadh, nàdur agus farsuingeachd chuiridhean an t-soisgeil, staid nan cinneach borba, agus dleasdanas chriosduidhean an soisgeul a chur d’ an ionnsuidh. Bha ceist na tràillealachd air a dian-ghluasad, agus chuir na baistich, anns a bhliadhna 1792, a’ cheud iarrtas a dh’ionnsuidh pàrlamaid an aghaidh na marsantachd ghràineil so. Bha nis comainn gus an soisgeul a sgaoileadh air an sònrachadh, agus dh’fhalbh Cary maille ri Tòmas do na h-Innsibh an Ear. Ghabh Steadman Bhroughton, agus Saffrey Shalisbury, an làmh thoisich ann an saoithreachadh am measg nam bailtean beaga. O’n chunntas aca-san, bha ’n comunn gus an soisgeul a chraobh-sgaoileadh aig [TD 32] an tigh air a shònrachadh. O’n àm sin dh’fhàs iad gu mòr. Aig deireadh na linn so ràinig àireamh nan eaglaisean baisteach ann an Sasunn 326, agus ann an Wales 56. Anns a’ bhliadhna 1840 bha ’n àireamh ann an Sasunn mu 1250, agus ann an Wales mu 244. Glasgow: Gilchrist, Printer, 145 Argyle Street.