[TD 1] MARBHRANN DO’N URRAMACH IAN CIONNADAIDH, SGIRE CILLIARNAN, AIG A CHAISDEAL RUADH, LE UISTEAN FRISEAL, AN URRAH. FONN, ‘Nochd gur faon ’n coadle dhomh.’ Tha mo smaoin gu’r faoin an codal dhoibh An nochd ’sa Chaisdeal Ruadh, O’n thaisgeadh Maighstir Cionadaidh ’N Cilliarnan ’san uaigh; An lochran soluis soisgeulach Pole eaglais an taobh tuath Thuit a chioch a nis o n’ bhroilleach aic’ Bho’m b-fhallain bainne an uain. [TD 2] O! ’s cian mo leon, ’s neofhiughail mi, Air do chliu-sa chuir an ceill; Air bair iall broig’ dhuit fhuasgladh ’S cho suarrach ’s tha mi fein, ’S ge d’ bhiodh mo thalann dubalt dhomh ’S a bhanc ’o thus mo re Se m’ smaoin nach cuirinn cunntas air Na dh’ionnsaicheadh o d’ bheul O! ’s cianail dhuinn an dusgadh so, Aig tus na bliadhna uir, Cha bu shubhach Calluin dhuinn, ’S beul na maise duinte. ’S tric bha cuir suas na’n iobairtean Dhe ’m biodh am boladh cubhr Le gnuis lan falluis braonadh ort, ’S na deoir a ruith o d’ shuil. ’Nuair sheasadh tu sa chupaid ud Bha d’ shuilean gu ro gheur ’S na t-inntinn bhiodh an uirnigh sin Gun stiuiradh Esa an treud. Bu tlath do shealladh caoimhneil mar— O mhaighdinn air an dream— Da ’n robh thu na do stiuradar Chum duthaich tha gun bheud. ’N uair rachadh tu na t’aramachd Lann, taragaid ort a’s sgiath, Na’n deach cuid na champ a ghlacadh leat Bhiod doigh is achd air biadh, Bainne blath do’n oigridh a Tha toiseachadh an’ Criosd, ’S mar dh’fheumadh lon ni ’s treise ’N uair theid iad de na chioch. Na h-uile buaidh tha sinnte riut ’Se ’n aogais chuir ort gras Se d’ mhaighstir rinn treubhadh thu ’Be fein an deagh fhear ceaird, [TD 3] Se Mac an t-saoir t-ainm a thug Dha cealgarean le tair; Be sud e mar ri cupair ’Ni soitheach ur sheann chlair. ’S math a rinn e clachair dhiot, O’n charraig ’s tric a gheair— Thu meall gun dealbh gun chumadh Le buillean lagh na’n clar. ’S ged’ dh’eireadh t’aghaidh sradagan Nam snaigheadh dhuit le d’ lamh, Cha d’thug sud gruaimean ma la’ dhuit, ’Na t-anam rinn thu gair’. B’fhear aoraidh thu bha spioradail, ’S do chridhe reir do bheul, Mar sud an cleachdadh seirbheis thu, Le soirbheas cuir an ceill Reir t’fhaireachduinn ri teagasg dhuinn Bhi teicheadh dh’ionnsuidh Dhe, A bheathaicheadh nan creidmhich, ’S bheireadh eseimpleir dha ’n treud. Bu mhor do ghrath do d’ Shlanuighear, ’S cha d’fhailig e gu d’ chrioch, Fhad ’sa bha thu anns an fhasaich so, Thug grasan dhuit thar cheud. Ach thug e ’nis do Chanaan thu, ’S am Paras bidh gu sior; A beachdachadh air ailliachd— Ros Sharon lan do mhiann. Tha e faotin ’nis dheth Thoridhean, Chuir gallach ann san raon, ’S gol uisge glan mar christal, Dheth fuaran lis a ghaol. ’S do na mheas na ubhlan taitnach, Tha a shath aig dheth na chraobh, Mar ri lili ghleann ’m pailtis dha, Snamh chuan chaoidh nach traodh. [TD 4] A ris bu sholus radhadh thu, Am fradrach a chuain, Bha treorach luingeas sheachranach; Air treachladh air muir bhuairte. Reir creidimh moran thriochnadh leat, Thaobh an t-soluis bhi aig buaidh, ’Sa chuid nach fhaca ’n solus ud, Theid fodh an dominion cuain. Dreuchd eile thug gu h-uasal dhuit, Co buaghar leat ri cach, ’S maiseach rinn e buachaill dhiot, Chum arach suas dha al. Dh’ionaltradh mu bhruachaibh iad; ’S na cluantibh ud a b’fhear, Nuar ghairmeadh thu gu buaile iad ’S iad thigeadh luath na d’ lathir. Chunnachas thu rectruitigidh Bu chumar thu air feil, ’Stu ’g innis’ more chliu do mhaighstir Air airgeod cha robh eis. Bha cuid a rinn thu listigeadh, ’S cuid nach do ghabh mor speis, Cuid eadar an da bharail dhiubh, ’S gun fhios co ac’ dha ’n geill. Ach thug thu fianuis laidir dhoibh, Air talamh ’s neamh nan speur, Mar ris a Bhiobhull ’s eaglais, Gach clahc bha innt gu leir. Mar gabhadh iad an tairgse ud’ uat, Gum biodh iad dearbhta an eis, ’Sa dhith na ’m bann a rachadh iad, Bhiodh cas air t-amhach fein. Dh’fhag thud a bhantrach ’s dilleachdan, Do sgire ’s do bhean phosd, Thoir leam gu ’m feud a chainnt so iad, Bhi lamh air laimh na ’n coir. [TD 5] C’ait a bheil na bantraich, Co shamhla bean mo bhron’s, ’Se mhisneach ’s fearr dhomh ionnsachadh, Mo neamhnad a bhi ’n gloir. Na faiceadh ise sealladh De fear comuinn dol gu gloir, Dha dh’ fhosgail geat ’n ionracais, ’S nigh’n air Righ na choir. Baillte na sioda ’n deis a bh’air, Bho hbar a chinn gu bhrog, Bu mhath d’ar n-anamaibh began dhith, An diugh an glean nan deoir. O fhir tigh na bantraich, Cum laimh ri bean a bhroin, ’S tric a gheall dha leithid na h-amghar, Ri fein ’s ri clan bhi posd. Is ged’ tha toahb na gruaime ri, ’S a grian fo stuadhaidh ceo, O sgaoil dhi neoil a bhruaidhlean, Le buaidh feadh gleann na’n deoir. Se dh’iarruinn dha na planntanan, A dh’araich thu ri d’ ghlun, Sa thog mar ur chrann olaidh iad, Fa d’ chomhair aig do bhuird. ’N teagaisg anns an d’araich iad, Gu brath nach cuir ris cul, Ach druighte air chridhe as airnean orr, Mar sneachd a ruith gu burn. ’Nuair tharladh aig an ordugh thu, Bu mhor thu mar chean iuil, O ’s lionmhor anam leointa, Dheanadh solas ri do ghnuis, Is thigeadh iad gu deonachail, Na d’ chomhail chum a bhuird, ’S lion mhor aon a dh’fheoraicheadh, Aig an ordugh am biodh thu. [TD 6] ’Nuair ghabhadh guit an fhasgnaidh leat, Cha bu mhath leat gaoth ro throm, Ach blath ghaoth dheas an aiteamh, Le faiteal gu’n bhi trom, Cha b’ aill leat bheag na chruineachd, Dhol san ioman air an lom, B’fhearr siolan dhol sa chruinneachadh, Na ’n cruineachd dhol sa mholl. B’fhaidh thu bha firinneach, ’Sa dh’innseadh dhuinn ro lamh, A dh’innseadh dhuinn mu’n t-siorruidheachd, Gu’n iochdar is gu’n traigh, Bha iad ann a’ t-fhianuis san Nach cluinneadh iad gu brath, Ga sheirm an soisgeul siorruidh, ’S am blaiseadh iad am bas. Cha’n’eil aon a tharmaich eolas ort, Tha chomhnuidh deas ’s tuath, Nach cruaidh an cridh’ na adamant, Mar frasadh deoir ri ’n gruaidh. Cha b’ ioghnadh ged bu ghalach iad, ’S ge d’ mairean deoir ’s ge buan, ’S co tric sa thug thu tairgse dhoibh, ’S an duigh nach cluinnean t’fhuaim. Se m’ dhochas buan ’s mo bharail e, Mu oigridh Chaisdeal Ruaidh, ’N siol fallain chaidh san talamh ac’ Nach b’fhas cuid fathast dheth suas. Ach ’s fhad bho na ’s sean fhocal e, Gun tabhair bias leis luaths, Nuair thig aiteamh ’s blas bho fhlaitheanas Thig fochann ’s fas le buaidh. Tha ni eile sioladh orm ’S ga m’ chriaradh an leth steach, Gu’m bheil ’n siol a chuir an Diadhair ud Air riadh mar anns a bhanc, [TD 7] Is ann an aireamh bhliadhnachan, Bidh lionmhoreachd ann seachd, Ni ’s mo na bheath sa chrioch aige Mar Shamson mharbh am feachd. Feudaidh creidimh cuid a bhi Gu fhios dha fein fo phleoc, Bha storas beag aig Beniamin, Gun fhios dha fein sa phoc, Se m’ chreidimh cuid dhiuhh sud a bhi Sam beachd dhuibh fein bhi bochd, Mar Ioseiph ann ’s Eiphit, Shaoil a bhraithrean fein e’n slochd. Se dh’iarruinn dha ’n luchd sgire sin, San tim so tha fo neoil, Am feadh sa tha gruaim na greine riu, Sa falbh dha ’n speur an ceo, Bhi tric air chul na’n digean iad, ’S anns gach cuil ’s frog, Mu’n d’thig madadh allt an anmoich orr, Gle shearbh a steach na ’n coir. Aon athchuinich a dhiarrainn dhiubh Chuir suas chum chathair mhor, Nar n’iobairtean a cheud chuid dhiubh, Mar dhamh bhiodh beadht a cro, Maidh’fhaoit gu’m feud an Riaghladair A Mhac thoir dhuibh le chleoc, ’S mantle Eliah iarraidh air, Mu tha sud chum crioch a ghloir. Ma dheonaicheas na fhabhor e, Gu’m faigh bhur n’ iobairt cluais, Guidheam iad thighinn trathail air, Ola ghras bho shuas. An o’a bha aig Aaron Thighinn gu tabhachdach a nuas, Gu sruth mu fheusag pairt diubh i, ’S bhi air iomal eidach buan. [TD 8] Ach ni mi nis co dhunadh Bhrigh do chliu nach cuir mi ’n ceil, Thaobh gun d’ fhosgail raon roimh ’m shiulean dhomh, Thar tomhas fad ’s leud. Ged labhairien teangan ura Air gach cuis a tha fo’n ghrein, Cha b’urruin dhomsa cunntas Thoir air fuighalachd do bheus. Ged bu duth gach sruth ’s caochan, San t-saoghal dol gu cuan, ’S ge d’ bu pheam gach preas ’s craocb, Tha air an t-saoghal bhuan, ’S ged bu scriobhich phaipearan, Na tha dhaoine ’n taobhs’ an uaigh, Gaol Dhia ann an deilig t-anamsa, Am feasd cha deanadh luaidh. IBHIRNEIS: Clodh-Bhuailte le IAN MAC-GHILLEAN Aireamh 7, Sraid Ard.