[TD 1] ORANAN NUADH, AIR STAID NA GINEALAICH, Anns a bhliadhna 1835; MAILLE RI FIOR THEISTEAS MU BHEACHDAN AGUS FHULANGAS AN UGHDAIR; AGUS SEARMONAN DO ASAILEAN, &c. LE ROB DOHNULLACH, FEAR-TEAGAISG AN INBHIRNEIS. So Guth Aon ag eigheach ’am fasach na’n deoir, Ull’chibh sligh’ ’n Tighearn’, ’sa cheuman mar ’s coir.* Dean na h-uil’ ni dhearbhadh, ’s cum daighean am maith. Cuir cul ri droch chleachdaidh’n, ’us seachainn an dath.† Leugh, rannsuich, ’us breithnich, co air bith co thu. ’Si ’n Fhirinn a sheasas mu dheireadh ’s gach cuis. *Mat. iii. 3. † I Thes. v. 21, 22. INBHIRNEIS: CLODH-BHUAILT LE ALASTAIR FRISEIL, AGUS RI ’N CREIC’ LEIS AN UGHDAIR, ’S LEIS AN LUCHD-REIC-LEABHRAICHEAN, &c. 1836. [TD 2] [Bàn] [TD 3] Rabhaidh do’n Leughadair. THA fhios agam gu’n abar cuid Gu’n robh mi air mo ghluasd Gu cuir a mach an Leabhair so Le naimhdeas do an t-shluagh; Ach ’s aithne do’n Uil’-leirsinneach Nach ’eil a leith’d ’nam chliabh Do neach de mo cho-chreutairean, Ach do’n cuid uilc ’s mi-rian. Co dhiubh chreideas no nach creid iad so, Cha’n fhaod mi a chuir uam Nach tig an la ’san creid iad e ’Nuair gheibh an fhirinn buaidh: Ach ge b’e chron’cheas amadan, Airson sin gheibh e fuath: Leis so is fuarasd aithneachadh An t-amadan gu luath. Tha’r sguabadh ’nis na’n eaglaisean, ’S tha dus ag eirigh ’naird, ’S tha cuid an ire an tachdadh leis, ’S mar tha fo neul a bhais. Gu’n tiorc an t-Uile-chumachdach Iad uile agus sinn-fein, ’S gu’n saor E sinn bho chunnartan: So guidheam le Amen. R. D. [TD 4] I.—Staid na Ginealaich ’sa Bhliadhna, 1835. Is truagh a fhuaireas sluagh an taoibh tuath so, Bho an la a ghluaiseadh uath na naoimh: Och! ’s cianail gruamach na tha mu’n cuart domh, Le aidmheil fuar tha gun turas gun daimh! Cha ’n ’eil beath na diadhachd ’an aon de ciad De’n ghin’lach fhiadhaich tha’air eirigh ’n tras: ’S tha Luchd-faire Sgirean an diugh ’gan slipeadh, ’Sag eigheachd sith riut ged th’iad gun ghras. Tha ’m fior ghaol uasal a nis air fhuadach An null thar chuaintean ’sann as n-ar tir, ’S tha aig spiorad fuar ’nis laimh an uachdar Air an linn thruagh so tha ’nis fo bhinn— Fo bhinn an ditidh tha iad d’a rireadh Air feadh na tir so ’san tir ud thall; Bho ’n uair ’sa shin iad ri murt na firinn, Sa bhi calg dhireach dh’i ’deanamh call. Tha lagh ’n Fhir-shaoraidh leo air a diteadh, ’Us laghan dhaoin’ air ’n cuir os a ceann; ’S tha iad a’ saoilsinn a nis gu’m faod iad Bhi beo do’n t-saoghal, iad-fein ’san clann; ’Seadh beo ain-dhiadhaidh, ’us ana-criosdail, ’Us air ’n fhior dhiadhach a’ deanamh tair: Gun eagal dhia a bhi ’nam fianuis— ’Se sin tha’n deanadais uile ag radh. Ach tha slat sglursaidh a’ tarruing dlu doibh Bheir orr’ gu’n lubh iad gu lar gu leir— Gu bhi air ’n gluinean, gu dlu ag urnuaigh, ’Sam fuirm co dhiubh a bhi ’tabhairt geill: Ged tha ’n cridhe’ laidir ann an sith an tra so, ’Nuair ’thig na plaighean bheir iadsan reis, Gu caithir grais, agus saoilidh cach ’sin, Air an t-shligh’ shabhailt gu’m bheil an ceum. Bha anns an duthaich so coinnimhean urnuigh ’Nuair bha ’phlaigh-sgiursaidh a’ sgrios gu teann [TD 5] Ach ’nuair ’stad ’n sgiurs sin chuir iad an cul’aobh Ri Tigh-na-h-urnuigh, iad fein ’san clann. Thug so orm eigheachd gur eagal fheineil, Thug orr’ bhi ’g eigheachd aig caithir ghrais, ’S nach b’e an eud bh’ac do oibir Dhe O, No idir speis dha chuir iad ri spairn. Cha b’e gaol tearnaidh bho’n pheacadh ghraineil, A thug a phlaigh orr’ bha idir annt’ Ach an gaol laidir a bh’ac do’n ailgheas, ’Us do’n cuid ardan, ’us do’n cuid sannt. Tha bhuil an tras orr’ gur iad a phairt sin, A dh’innis Paul dhuinn a bhitheadh ann; Luchd-uaill ’s ardan, ’us luchd-fein-ghradh’chaidh, Luchd sannt ’s ailgheis, luchd-brisidh bhann. Luchd-brath na diadh’achd, luchd-casaid bhriagach, Gun ghaol do Dhia ac, ach do’n cuid saimh; Fo chleoc na diadh’achd, neo gheimnidh fiadhaich, Gu h-ana-miannach, ’s iad gun truas gun daimh. Gu fuirmeil feineil tha’n sluagh gun leirisnn, ’S cha chreid iad-fein an diugh mar a tha’id; A’ leantuinn ceuman luchd-stiuiridh threudain, ’Tha mar iad fein, dh’easbhuidh fradharc thear’nt. Ach tha ghuit lan ’nis de na mholl ’s de’n ghran O, ’S tha iomadh spain a’ dol tric na ceann; ‘S tha ghaoth a’ seideadh gu laidir gleusda, ’S luchd-stiuiridh threudan air chrith gu teann; ’S luchd-teagaisg breugach an diugh ag eigheachd Gu fuirmeil feineil an aghaidh ’n dream Tha nis air eirigh gu duineil treunmhor ’N aghaidh foireigin, ’s an-ceartas dhaoin’. Thai ad ag eigheachd ri sluagh gun leirsinn, Leanaibhs’ ’ar ceuman’ ’us cuiribh leinn, Gu cumail ’naird gach cuis mar a tha’id ’San Eaglais Staide ’neo tuitidh sinn. Ach ’s faoin an oidhirp air sin a dheanamh, ’Us binn an-aoibhin ’nis os an cinn, An diugh air h-eigheachd ’an Alb ’san Eirin, ’San Sasuinn fein: A nis eisd ’us cluinn! [TD 6] Cluinn! tha tairbh Bhaisean le’m buirich arda, ’S le’n adh’r’can staideil, bagarach, garbh, ’Cuir orra’, ma thair’s iad, am bualaidh’n bla, bog, ’A chumail ’n aird, ged b’ann leis an airm. ’S tha Striopach Bhab’loin; an Eaglais Phap’nach, ’S cuid Inghean Staideil air chrith gun teann, ’S iad coimheach cabraideach ’n aghaidh ’phairt sin Th’air an togail ’naird chum an glanadh ann. A’ toirt uath cisean, ’us airgiod stipean, Us briseadh ’n sith, agus ’deanamh call: A’ marbhadh dhaoine tha bochd gun didean Bha lagh na tir, ’nis a bhos ’us thall. Tha Bantraich’n Eirin ri gul gu geura:— Le slat ’n fhoireigin air call an clann, Le airm air ’n eign’achadh ’s air am beumadh Airson nach geilleadh iad do’n cuid sannt. ’Us ann ’n Dun-eidin tha sgal air h-eigheachd Tha labhair geur ’nis air feadh na tir, Airson ain-neart Cleirich air daoin’ feumail, A chionn nach geilleadh iad gu toirt cis: ’Seadh cis gun reuson do dhaoine feineil Bha dhoibh neo-fheumail re fad an linn:— Cha chreid mi-fein nach eil truaigh ’san-aoibhin Do cluch ’n fhoireigin—O tha gu cinnt’. Cha bheag an nair’ doibh a bhi mar tha iad A’ creachadh chaich chum an cumail ’naird Ann ’n uaisl’ ’us ardan, ’us iomadh ailgheas, Fo bhratch Shatain, ’sa’ geilleadh dha: Ach an ceang’l striop’chail ’th’ac ris an righrean Theid ’thoirt na chaoban tur as a cheil’, ’S bi’dh sluagh na tri’ reisd air an saoradh Bho na chuing dhaorsail a th’orr’ gu leir. Cha bhi aig h-aon reisd bhi paidheadh stipean, Ach do’n fear ’s caomh leis bhi os a chinn ’Cuir ’n ceill na firinn gu glan ’s gu dileas, Reir lagh ’n Fhir-shaoraidh, ’us sin gu glinn. ’Sa dh’aindeoin sgleibeil ’us bagraidh’n geura, ’S ain-neart, ’s foireigin a tha ’san t-saogh’l, [TD 7] Theid as gu leir dhoibh, mar ’tha mi ’leugh’adh, Nam b’oil le Herod ’us a chuid daoin’. Tha e ’nam fhianuis, mar ’thuirt mi chianamh, Gu’m bi daoan’ fiadht’ air ’n cuir bun os ceann, ’S gach lagh ain-diadhaidh, ’us ana-criosdail, Tha’n tras ’gar pianadh ’s ’gar cumail fann. Tha, mar an ceudna, air teachd ’nam fhianuis, Ni tha ’gam lionadh le dochas mor; Gu’n soillsich ’ghrian oirnn gu faoilteach sgiamhach, Le laithean briagh, ’us gu’m falbh na neoils’. ’S gu’m bi gaol ’s blath’s ann am measg nam braithrean ’N cois creideimh tearnaidh, ’ sgach gras d’a reir, ’S gu’n tig gach pairt dhiubh gu aonachd laidir, Air cho fad ’s tha iad ’nis thar a cheil; ’S iad na braithrean diadhaidh ’tha mi ’ciall’chadh, ’S na peathraich’n diadhaidh uile mar an ceudn’, Thug ’n cridh’ do Chriosd, a chum gluasad na fhianuis Do reir a riaghailt, ’s gur e sin am miann. Cha bheag an ciuradh do chlann a chumhnaint Mar tha na duth’chan so anns an ams’; Le ceilg ’us lub’rachd, ’us cuid mar bhruidean, ’S cuid eil’ ri sugradh ris na h-uilc ’th’ann: ’S tha muinntir bhruideil air feadh na duth’ch so Nach creid gur dlu dhuinn a nis an stoirm ’S tha ’n sluagh gun churam a nis a’ diultadh ’Bhi air an dusgadh, ged ’s ard an toirm Och ’s cianail craiteach an diugh mar tha iad, Le spiorad pairtidhean air an roinn; A’ tabhairt ailgheas ’us geill do Shatan, Aig ’bheil buaidh laidir ’nis os an cinn. Tha prois ’us ardan, ’us briseadh sabaid Air eirigh ’naird a nis anus an linns’ Gu leith’d a dh’airde ’a nach creid gu brach mi Nach faigh iad stracan ni iad gu tinn: ’S eadh agus buaireas a bhitheas fuath’sach A chuireas bruaidlean air feadh na tir; ’S eadh breith’neas uamh’sach an aghaidh ’n truailleachd A tha gle fhuaighte ruinn uil’ mar linn, [TD 8] Och! ’struagh a dh’eireas do Alb ’s do Eirin, ’S do Shasuinn fein, mus an tig an t-am Bhios sith air h-eigheachd, air larg na reite Chuireas as do ’n reubaltas ’tha nis ann. Tha bulc an t-shluaigh a nis ann an suan-fhois A thaobh na cruaidh-chais a tha nan larg, An duil an uair so nach tig orr’ buaireas A bhuineas cruaidh riu air tir no fairg: Ach tha iad gorach ’bhi air an t-seol so, ’Us peacaidh’n Shodoim air feadh na tir; Airson ’n do dhortadh a bhreith’nas mhora; ’Seadh teine gu leor chum an cuir a dhi! Tha peacaidh’n Iudaih fo mheas ’s fo chliu ac’, ’Us peacaidh’n ura ’san tir so fein: ’S am bheil iad ’n duil a dhol as mar bhruidean Bho bhreith’n’san ura ’thighinn orr’ d’a reir? Ma tha, gu cinnteach tha’n duil d’a rireadh Gun bhonn ’san fhirinn d’i air a luaidh: O ’s ann ’sa Bhiobal a mhain a chi sinn Ciod ’tha air innseadh le Righ nan sluaigh. Tha E a’ toirmeasg do a luchd-leanmhuinn Bhi reir mac-meanmna na muinntir shaogh’lt: Ach c’ait an airmis sinn air neach gun chearban Tha ’g radh gur ainmig leo ach bhi faoin? Tha e mi-chiatach do luchd-aidich diadh’achd Bhi ’n aghaidh ’n riaghailt thug Dia nan dul, Cha mhuinntir dhiadhaidh luchd-aidich bhriathrach A tha gu gniomhach a’ cuir ris cul. An spiorad grasmhor cha toir a lath’rachd Do mhuinntir ardanach, uailleach fhaoin, Do mhuinntir phroiseil, ’us fheineil ghorach, Mhi-stuaim, mhi-ordail, mhi-narach dhraost: [TD 9] Tha iad a’ grain’chadh air falbh a lath’rachd Bho mheadh’nan grais a tha nis mar phlaoisg: ’S tha bhuil an tras orr’, gun eud gun ghradh ac’ Ach do’n cuid ailgheis agus do’n t-shaogh’l. Tha luchd-nan-cubaidhean fein gu liugach A’ cuir an cul ri eisempleir Chriosd: ’Us tha ’n cuid teaghlaichean cho faoin-ghreadhnach Ri sliochd nam feadh’nach tha leis a bhiast; ’S aig Bord an Tighearn bi’dh iad gun fhiamh orr’ Fo bhratach dhiabh’lan, le uaill ’us prois. ’Leith’d sin do dhiadh’achd cha d’orduich Dia dhoibh, No do neach ’riamh a shuidh aig a bhord. Is nair ’s is oillteil ’bhi ’faicinn eild’ear Le eideadh boillsgeil mu nithe naomh. Is nair ’s is daochail luchd-fasain shaoghalt Bhi ’faighinn saorsainn an comuinn naoimh. Cha choird ain-diadh’achd ris an fhior-dhiadhachd: Cha d’orduich Dia riamh a leith’d do ni: ’S gach ni nach d’aith’n E cha ’n ’eil aon ait d’a ’An Tigh an Ard-Righ—Tigh Righ na sith. ’S e ’m fasan saoghalt ’bhi spaideil eatrom, Gu sgumail gaothail, ’us faoin ’nan nos. Seall ri gach faoin’ear ’us ri gach faoineag, ’S chi thu le’n aodach iod seang gu leor; Coslach ri connspeichean coimheach dranndach, ’S ri seangan connspoideach air an fheur; ’S ri seillein geur-ghathach gu do theumadh Mur cum thu-fein uaith le aire gheur. O tha mi dearbht’ as gu’n cuir mi fearg orr’, Ma theid mi ’dhearbh’ dhoibh gu’m bheil iad fein, Le an cuid leanb’achd ’us trusadh chearbain, A’ tarruing seargadh orr’ bhitheas geur; [TD 10] Le bhi cuir daorsainn air ’n cuirp le faoineachd, ’S le cnamhan caol na muic’-mhara fein. Tha mi a’ saoilsinn gur iad tha faoin ’nis Bhi ’tarruing daors’ orr’ le’n coire fein. Tha mi a’ saoilsinn gu’m bheil iad faoin O, ’Tha ’caitheamh ’maoin air ni gun fheum. Och ’se bhios daor dhoibh ma bheir e’n t-aog orr’ Gun ris ’n Fhear-shaoraidh ’bhi ann an reit’! Chan fhaic ’s cha chual mi anns an taobh tuath so Gur maith a fhuaireas luchd-nam-fasain faoin: ’Us air an uair so ’sann ’tha iad uailleach, Le bhi air ’m buaireadh le dia an t-shaogh’ls’. Tha’n cumadh chi mi air oige ’s aois nis Ag radh d’a rireadh nach ’eil iad si’cht’ No toilicht-inntinn ris an ti rinn iad, ’S an duil gu cinnteach gu’n deach E cli: Ach tha iad gorach bhi air an doigh so, Le’m fasain neonach ’cuir ’n aghaidh Dhia: Bheir so orr’ dorainn ’us breith’nas mhora, Bhios gort gu leor dhoibh, ’us iomadh pian. ’Luchd-stiuiridh threudan, leis ’m b’ aill bhi feumail, Leanaibhse ceuman ’ur Fir-shaoraidh ghaoil: ’S na bithibh ’geilleadh do ailgheas chreutair, ’N aghaidh na ’s leir duibh ’san Fhacal naomh. Tha oirbh mar fhiachan ’bhi ’togail fianuis ’N aghaidh mi-dhiadhachd ’am beag’ sam mor. Gu’n cronaich Dia gach uile mhi-riaghailt ’Tha ’measg nan criochan so de’n Roinn-Eorp’. O togaibh fianuis, cha ’n e ’mhain le briathran, Ach le ’ur gniomh’ran cuiribh an ceill Gu dileas eudmhor a reir mar ’s leir duibh, [TD 11] Gun eagal chreutair ’tha mar am feur. O tha e cianail ’bhi ’n diugh ’san fhionan Luch-teasgaisg bhriath’rach gun ghniomh d’a reir; Toirt air ’n luchd-eisdeachd a bhi do reir sin, Le’n gniomh toirt bhreug do an aidmheil fein. Luchd-aidich diadhachd air feadh nan criochans’ Tha oirbhs’ mar fhiachan ’nis mar an ceudn’, Bhi le ’ur ghiomh’ran toirt do ’ur n-iarmad, Eisempleir dhiadhaidh ’n ’ur n-uile cheum; ’Ur cainnt ’s ’ur giulan bhi ’g radh gur fiu’ail ’Air Righ nan dul sibh a mach bho ’n ams’. A nis co’dhunam le facal durachd; Crioch mhaith ’s deagh chliu duibh-fein ’s d’ur clann. II.—Rabhaidh Cairid do na Gaidheil. A Chlann na’n Gaidh’l do’m bheil mo ghradh Bheirinn mo chomhairl dhuibh an tras, Gun sibh bhi deanamh tuilleadh dail Ann ’n abhais dhuibh tha cunnartach. O thigibh ’nis ’s na deanaibh eis, Ruithibh, ruithibh uile gu leir Deanaibh cabhaig’ us thoiribh speis, ’Us geill do’n Uile-chumachdach. O thoiribh ’ur cridh’chan d’a mar taid, ’Us ni E-fein iad duibh nis fearr: Chum geill us umhlachd a thoirt d’a Ni ’Spiorad fein ’ur cuideachadh. [TD 12] O na dallar sibh leis an t-shaogh’l, Le taitneasan na feol’ mhi-naomh, Le fasanan nam muinntir fhaoin, Ach cuiribh cul gu h-uile riu. Tha ’n oidhch a nis a’ tarruing dlu, Tha ghrian an ire ’dhol oirbh fodh; Tha ’n doras g’ h-aithghearr gu bhi duint, ’S tha ’n leoghan beucach teannadh oirbh. Greasaibh, greasaibh, na h-uile h-aon, Gach ard ’us iosal, og, ’us aosd, Gu Ios’, Fear-saoraidh ’chinnidh dhaoin’, ’Us seasaidh E ’san eadraiginn. O duisgibh, duisgibh as ’ur suan, ’Neo caidlidh sibh an cadal buan, Gun sealladh fhaicinn de n-’ur truaigh’ Gus ’n duisg sibh anns na lasraichean. O ’s cianail ’nis an la a th’ann, ’Thaobh daoin ’us mnathan, agus clann, A’ ruith gu domh’l, ’us sin le strann, ’Sa cham-rathad ’tha leathan doibh. Cha chreid iad ’nis gu’m bheil iad truagh Fo mhallachd lagha Righ nan sluaigh. Gu’n duisg E-fein iad as an suan, ’Us as am bruadar cadail O! Mus tig orra gairm ’mheadhon oidhch, Gun ann an lochrain strad no soills’— Gun ghras—gun ghaol do Fhear-na bainns An uair thig E dh’iarraidh ’Eaglais. Ma ’s ann mar sin a bhios an cuis, ’Nuair ’thig iad gheibh iad doras duint, ’Us caillidh iad na bh’ac de dhuil, ’S is ciuirt bhios iad gun lasachadh. [TD 13] ’S ann oirnn a thainig an la truagh, Sinn gun chradh cridhe leis o chruas, Gun deur a’ sileadh bho n-ar gruaidh, ’Us snuadh a bhais na laidhe oirnn. Na’m biodh annainn faireachdan bheo, Gun bhi fo mhealladh no fo sgleo, Bhiodh n-ar suilean a’ sileadh dheoir Le bron airson ’ar n-amaideas. ’S na’m bitheadh’ idir againn ciall, ’Us eolas fallan air n-ar rian, Chuireadh e eagal oirnn ’us nial, ’Us fiamh airson ’ar n-aineolas. Tiugainn a naird air chnoc ud shuas, ’Us chi thu-fein mar tha an sluagh, Gun deanamh c’arach airson duais, ’S gu h-uailleach, proiseil, fanaideach. Mur bi an duais air ’deanamh cinnt’, Searmon no ceasnachadh cha chluinnt, Ged ’tha an sluagh ’n cunnart ’bhi millt ’Us caillt ’san Eaglais shuidhichte. Mar faigh iad duais bithidh orr’ fearg, ’Us muig, ’us gruaim, ’an aghaidh dhearg, ’S le ain-neart bheir iad ’uat gach cearb, Gun earbs’ ’an ull’chadh Freasdail doibh. ’Seadh, chuireadh iad thu ’am priosan duint, Gun truas ri d’ theaghlach no ri d’ bhruid, ’Us dheanadh iad dhiot culaidh spuirt, ’Us bhruchdadh iad an corruich ort. Cha b’ann mar and bha Abstoil Chriosd: Cha d’ chreach iad neach de maoin no biadh. B’iad Iudas ’s Demas b’u choslaich rian Ri train de n’ur cuid ministearan. [TD 14] C’ait am faigh thu ministear Sgir’ ’Theid ’mach ’theagasg air-feadh na tir Mar chaidh na h-Abstoil gun aon chis No Stipean a bhi ’feitheamh orr’? Nach dall a tha a nis an sluagh, Tha ’n duil ma dh’ eisdeas iad le’n cluas Ri luchd-tuarasdail a ni fuaim, Gur buadhach ’bhios an teagasg dhoibh. O tha e buadhach air an doighs’; “Mar tha na sagairt tha na sloigh,” Le sannt, le gionach, ’us le prois: ’Se ’s nos doibh uil’ ’bhi ’peacachadh. ’Se so is coireach gu bheil an oig’ Mar ana-creid’mhich anns a cheo, Gu faoin ’s gu h-amaideach na’n doigh. Fo sgleo a spioraid mheallaidh ud. Ma dh’eireas fianuis ’measg an t-shluaigh A bhitheas dileas, geur, ’us cruaidh, Gun aig’ ri peacadh ’sam bith truas, Ni sluagh na tir’ so fanaid air. Ma thilgeas fear air leth a th’ann Spiorad an deamhain ’mach a clann, Eiridh eud ’san luchd-caithris dhall Chuireadh a dh’ ionnsuidh ’n donais e. Ma ni Abel ni’s mo do fheum Na bhrathar Cain, chum gloir a Dhe, Bheir Cain fuath d’a a bhitheas geur, ’Us leumaidh e gu ’bheath thoirt deth. Ma theid Eldad ’s Medad ann ’n sith, Le ughdarras ’n Fhir-shaoraidh ghaoil, ’Mach do theagasg air feadh na tir, Ni Stipeanaich an cronachadh. [TD 15] Ma bhios Isaiah maith gle chruaidh An aghaidh droch fhas ’nan t-shluaigh, Chuireadh iad as d’a, mar bu dual; ’Seadh, dhuraigeadh iad a shabhaigeadh. Ma chuireas Ieremiah ’n ceill Ceart-bhreitheanas ’us corruich Dhe An aghaidh an luchd-teagaisg breig’, Grad leamaidh iad gu bheath thoirt deth. Ma dh’eireas fianuisean ’san tir Chum ’n Eaglais ’ghlanadh bho gach gaoid, Bheir luchd-na-salchair eigh ’us gaor Gu’m bheil ’n Eaglais ann an cunnart leo. Ma chuireas Amos doibh an ceill An eas-aontais ’us breith’nas Dhe, Bheir iad sgal a mach ’us eigh, Gur fheudar da-san teicheadh uath. Mur dean Mordecai lubadh mhan, Do Haman ardanach gun dail, Theid croich a thogail d’a bhios ard, ’S chum bais airson sin ’chrochadh oirr’. Tha Diotrephes ag eigheachd Anns a chubaidh smior nam breugan, Gu mi-runach agus feineil, Mu dheighinn luchd ath-leasachaidh. Ghluais e suas ’nan aghaidh liugaich, ’S thoirmisg e bhi tabhairt gnuis doibh, ’S le iomadh bagradh agus buiteach Do stiuir se iad air seacharan. ’S ann tha ’n tir so mar bha Sodom ’N uair bha innte Lot ’na chomhnuidh: Airson a chairdeas bhai’d an toir air, ’S air oglaich Dhe, gu h-amaideach. [TD 16] Air feadh na tir so tha a’ gluasd Clann Mhaguis agus Dhemais thruaigh Air cuir an culaobh ris an Uan Mar chual sibh rinn an seanairean; ’Us tha iad ’nis a’ tabhairt goal Ni’s mo gu mor do nithe saogh’lt’ Na thug a riamh iad do na naoimh; Is faoin tha iad gun amharus. Ach seinneam nis mu Fhreasdal Dhe, Mar chum E suas mi anns gach ceum; ’Nuair bha mi ’n sas ’an cruaidh-chas gheur, ’N am eiginn thug E fuasgladh dhomh. ’N tra chuir luchd-aidich rium an cul, ’S nach toireadh idir iad dhomh gnuis, Ged chaillinn fein ’s mo chlann an lus, Rinn Suil-an-truais mo chuideachadh. ’N tra bha gach doras orm-sa duint; ’Straillean Bhalaic ’briseadh mo chliu, Dh’ fhosgail E doras dhomh nach duin Luchd-cubaidh staideil tuilleadh orm. Mur b’e Luchd cubaidh thall an Ross Dh’ fhaodainns’ ’s mo theaghlach bhi aig clos An uchd a cheile ann am fois:— Ach ’chrois cha’n fhaod mi sheachaineadh. Ach c’airson a bha iad orm an toir? Ach chionn nach geillinn ’us mi beo Do’n cuid breugan, ’us do ’n cuid sgleo Bu nos leo a bhi ’searmon’chadh; Chum dion na h-Eaglais staideil thruaillt’, Le foirneart tha air ’cumail suas, Na striopach righrean mar bu dual, S bu chruaidh leo-san an dealachadh: [TD 17] Ach feumaidh ’n dealachadh bhi ann Mus bi i dileas do ’fior Cheann, A dh’ fhuilig a cheusadh air a chrann, Chum anns’ gu’m biodh i toilichte. Cha’n iongantach ged ’threigeadh chlann Am mathar fein bho am gu am. A thaobh gu’n d’ threig i-fein am bann A cheangladh i ri Flaitheanas— ’S gu’n deach i ’sthriopachas air falbh Bho Cheann na dilseachd ann an Alb, Gu bhi aig righrean na luidhe balbh: ’S bu gharbh chaidh i seacharan. ’Us mar is seana tha i ’fas ’Sann a ’s coslaich i ri ’math’r, A’ dol air seacharan do ghna, S gun chail aic do h-ath-leasachadh. Ach tha am ’n ath-leasachaidh dhuinn dlu, ’Us iomadh fianuis a nis nan duisg, Gu sireadh ’s rannsachadh gach cuis ’Measg Dhuth’chan agus Eaglaisean. ’San gluasd tha nis ’am measg an t-shluaigh Cha teid air clos gus ’n tig an uair ’Bhios soars air ’cosnudh agus buaidh Do’n t-shluagh ’tha fulag eas-cairdeas. Ach tha e coslach gu’m bi spairn ’Us cruaidh-ghleac ac’ ris an Staid Mus faigh iad saor bho ’n aobhar chraidh ’Us sgainidh cridhe ’us tachdaidh th’ac. Ach is an-aoibhinn do ’n luchd-iuil Tha cuir am mearachd sluagh na duth’ch: Tuitidh iad anns an t-shloc gun ghrunn; Gun lus a ni an teasairgin. [TD 18] Is an-aoibhinn agus is truagh A bhios na leanas iad de’n t-shluagh: Gheibh iad-san tuiteam, ’us luidhe bhuan ’Sa chuan tha dol na lasraichean. Thug cuid de sheirbhisich Bhalaaim* Ionnsuidh air dhiallaid ’chuir orm n sas, Gu deanamh asal dhiom ’us traill Gu sarachadh clann Israeil. ’Sa chionn nach geillinn gu ’cuir orm Dh’fhas iad fiadhaich rium ’us borb, ’S thog iad ’nam aghaidh suas an stoirm A ghormadh aodainn iomadh neach. O ’s iomadh asal ’th’aig’ ’san tirs’ Fo dhiallaid theannt airson a bhi Dol leis gu surdail ’n taic na dig Gu diteadh’ s creach’ na theich uaithe. Ach ged tha tuilleadh ag’m ri ’radh ’S fheudar dhomh ’nis bhi mo thamh ’S mo chead a ghabhail dhibh an tras Le radh gur maith leam sona sibh. III—Cor truagh an Latha. ’Se truaigh nam bochd an uaireasbhuidh, ’S bi’ sin a choire mhor! Airson sin theid an seachaineadh, ’S bi’dh iomadh orr’ an toir! * Faic Searmonan do Asailean. [TD 19] O ’s bruideil so, ’s mi-dhuineil e, ’Bhi iargalt, coimheach, cruaidh, Ri muinntir bhochd ’us uireas’ach Bhios ’tuireadh ’measg an’ t-shluaigh. Bha nighean bhochd an Sasuinn thall Ri acain, ’s i fo bhron A’ guil aig uaigh a h-athair gaoil, ’S fo chradh a’ sileadh dheoir: ’S ’nuair chunnaic an luchd-caithris i, ’S ann ghlac iad i air sgeoid, ’Us shlaod iad i gu Baillidhean ’Thug ach’san d’i gu leor. Ach nam biodh i na baintighearn, No maighdean bheartach aillt, ’S ann a bhuineadh iad gu caoimhneil r’i, ’Us mholadh iad a cail, Cha ghliocas bho na Flaitheanas ’Tha ’gaomadh cuid de’n t-shluagh Gu bhi ri bochdan leth-bhreitheach, ’Us iargalt, coimheach, cruaidh. Mar thraillean ann am Babilon ’S ann tha sinn anns an tirs’; Le cisean air n-ar saruchadh Bho ghabh sinn barr na cich. Le riaghladh cruaidh mi fhabharach, Mar fhasaich tha n-ar tir: Eadar Eaglaisean ’s Staid-achdan, Is saraicht’ sinn gun chli. Gu so cha’n fhaodadh uinneagan, No coinnlean a bhi ann, Gun phaidheadh chis gu minig leinn, ’S an tomhas cha robh gann. [TD 20] Cha b’iongantach an dorchadas A bhi mu’n cuairt duinn ann. ’S ann bha sinn air n-ar teannachadh, ’Us air n-ar cumail fann. Cha’n ’eil Biobal air ’cheadachadh, No leabhar mhaith do’r clann, No paiper airson litir dhuinn, Gun chiseachadh fo bhann. Cha’n fhaigh sinn ’n iocshlaint leighis mhaith, Gu saorsainn a thoirt dhuinn, Mur paidh sinn cis do’n Uachdranachd, ’Us sinn n-ar luidh’ gu tinn. Cha’n fhaigh sinn deoch a dh’olas sinn, Ach ’n t-uisg tha ruith gu saor, Na sochairean bu choir thoirt duinn, Gun phaidheadh cis gu daor. ’S ann tha sinn mar ’bhi ’m Babilon Fo chain agus fo chis, Fo eagal ’us fo thraillealachd Gu craiteach bochd gun chli. Ach c’airson ’tha iad ’sarachadh Luchd-aitich bhochd na tir? Ach chumail ’naird gu h-ailgheasach, A ghraisg nach dean aon ni Ach ith, ’us ol, us sporsalachd ’Us cadal, ’nuair a ’s aill: Air fuil’ us fullus dheoridh bochd, Th a’id beo guh-uailleach ard. Tha graisg ghrand air lionmhor’chadh A nis air feadh na duth’ch: Luchd toilich dhaoin’ ’s tim riaraichidh A mhain airson am bru. [TD 21] ’S iad bru ’us druim an dia a th’ac, ’S nan uair a’ deanamh uaill, ’S iad nithe talmhaidh ’s miannach leo, Ach’ se a ’s crioch dhoibh truaigh. Tha aig an Ard-Righ comh-stri nis Ri iomadh tha ’san tir, Airson iad ’bhi mi-throcaireach, Mi-ordail, agus cli: A’ sior chiont’chadh adhaltranas, A mionnan, ’s deanamh bhreug, A’ murt, ’sa goid, ’sa mealltaireachd, Tha’id briseadh ’mach le cheil. Is searbh le cuid an fhirinn ghlan, ’S cha chaomh leo bhi ’ga luaidh; ’Se bhi ’seirm na nithe mine dhoibh A’s aoidheil le an cluas. ’Sann tha an cluasan tachasach, Ag iarraidh nithe ur, ’S tha sealladh ’n gnuis a’ taisbeanadh Gu’m bheil iad fo na mhur. Fo mhur a pheacaidh tha iad sin, ’Us leigheas cha ghabh iad, Ach ’gabhail tlachd ’an grainealachd, Gu h-ailgheasach a taid. ’Sann ’s coslaich iad ri Babilon, Gu h-ardanach ’nan rian, Air ’n teagaisg leis na faidhean breig, ’S fo shuaicheantais nam biast. Is uamhaidh mar tha ghinealach Le faoinearachd gun sta, ’S iad smuaineachadh gu miodalach, Gur ceanalta a ta’id; [TD 22] Le seudaichean, ’us fainneachan, ’Us ailleaganan daor; Le greugagan, ’us sgaileachan, Neo-araidh air an saoth’r. Tha’n caothach air na nigheanan Le cuaileanachadh chiabh. Le bonaidean ’us cluigeanan, ’Us luideagan gun chiall: ’Gan cuir fein as a chumadh sin thugadh dhoibh le Dia; Deanamh coimeasan chuileagan Dheth an cuirp gu bhi briadh’! Is comharradh so air breitheanas Bhi feitheamh air an linns’: Tha’id brosnachadh na Flaitheanas Gu claidheamh a chuir ruinn. ’S ann tha’n aidmheil air diadhaidheachd Gu miadachadh an truaigh’, ’S ag ardachadh ’n ain-diadhaidheachd Le’n gniomharan ni’s luaith’. Tha cuid cho leisg ’s cho lunndachail ’S nach rannsaich iad gu leir An fhirinn ghlan gu sunndachail Gu breith cheart ’thoirt do reir; Ach creididh iad na chluinneas iad, ’S mar sin cha dhean iad ceum, Ach null ’sa nall air udalan, A’ deanamh cron dhoibh fein. O tha an staid gle chunnartach, Tha ’leanmhuinn barail dhaoin’, Gun dhearbhachd sheas’ach bhunailteach A chumadh iad neo-chlaon. [TD 23] Cha chaomh leam ’bhi toirt buillean doibh, No idir bhi toirt bheum; Ach tha an cor gle dhuilich leam, Nach cum iad ceart an ceum. Tha riaghailtean ’s na h-eaglaisean A rinneadh leis ’n Ard-Chleir, ’S bha ’n uair sin ann ministearan A dh’imich dlu d’an reir: Ach ’nis cha’n ’eil fear idir ann, Cha fad ’sa ’s eol domh fein, Tha ’caitheamh ’bheath gu h-iriosal, No idir toirt dhoibh geill. Am fear nach toireadh roimhe so, ’Sa theaghlach uil’ gu leir, Do riaghailtean nan eaglaisean, Fior umhlachd agus speis: Ged bu mhinistear no eildear e, Gun fhoighneachd co b’e dhuibh Cha’n fhaigheadh e cead ’bheul fhosgladh, Gu teagaisg sluagh na duth’ch. O cul mo chinn ri ministear A mhionnaicheas le boid ’Bhi beo reir lagh na h-eaglaise Gu h-umhailt mar is coir, ’S an deigh sin uil’ nach aithn’chear air Gu’m b’aithne dh’a dh’i riamh, Ach mheud sin a tha cumail ris Tigh, fearuinn, agus biadh. Cha’n fhaod duin’ creic no ceannach nis, No deiligeadh le speis, Mur bi aig’ air a cheann-aghaidh Comharradh ’s ainm na beisd. [TD 24] ’S mur geill e gu mi-choinnseasach Do Eaglais Staid na tir, Air cheannachd cha bhi foighneachd O, ’Sa sheirbhis theid a dhi, O thainig nis an la sin oirnn, Mu dheighin an d’innis Eoin. A’ toiseachadh ri bron. Tha Bab’lon mhor na h-aingidheachd A’ tuiteam gus an lar, ’S tha iad-san ’rinneadh beartach leath’ ’Ri tuireadh bochd an tras. Tha cuid cho gorach amaideach ’S gun lean iad moran sluaigh Mar riaghalt agus eisempleir, Gun rannsachadh no smuain. Och! ’sann tha chuid a ’s mo a nis A leanmhuinn barail dhaoin’, Gun speis do ghuth na flaitheanais Tha ’toirmeasg bhi cho faoin. Na ’n tigeadh Criosd bho fhlaitheanas, Gu bhi ’an so air chuairt, Mar ’thainig E a roimhe so, ’S teirc leanadh E de’n t-shluagh. Cha chordadh iad ri ’eisempleir, ’Sa theagasg leo bu chruaidh, ’Sann dheanamh iad-san teicheadh uaith Gu leanmhuinn moran sluaigh Ma bhios ughdarras luchd-riaghlaidh ac, ’Us lionmhor dhaoine mor, ’Us ministear bha ’n colaisdean, Tha sin a leo ni’s leor; [TD 25] Ach leith’d Iasgairean Ghalilee Cha’n fhiach leo teagasg uath: A’ meas gu’m bheil iad aineolach, ’S nach tachais iad an cluas. ’S maith foghlum na’m blodh grasan leis; Gun ghras ’s ann ni e call; Seididh e suas le ardan daoin, ’Us fagaidh e iad dall. ’Se so a thruaill na h-eaglaisean Le mearachdan mar tha, ’S mur teid an cuir a mach as tuil’, Gu salach iad do ghna. Tha bhuil an diugh air eaglaisean, Cha ’n ’eil an Spiorad Naomh ’Na ’m measg a nis a’ taisbeanadh Gu’n taiseachadh gu caomh. Tha ’n spiorad air a mhuchadh leo, ’Sa chlaidh air chuir ’an truaill Air fholach le luchd-cubaidean, ’S mar sin cha bhi aig buaidh. Cha’n ’eil am Facal ’druigheadh orr, No idir air ’n luchd-iuil. Ro thioram tha’n cuid urnuighean, ’S iad fein mar dhaoin gun lus; Gu socrach, furmail, fasanach, Fuar-chrabhach, foisneach, marbh, A’ saoilsinn co tha ceart ach iad, ’S iad seachranach gu dearbht’. Ge b’e le’m b’aill bhi treibh-dhireach ’Na aideachadh do Dhia. Cuiridh e chul ri eaglaisean ’S luchd-teagaisg ’tha gun Chriosd, [TD 26] ’S tha ’diultadh an ath-leasachadh Bho mhearachdan gu luath: ’S e teicheadh uath a dhleasanas, Gun eagal roimh am fuath. Nach dall an sluagh ’s nach aineolach, A thubhairt ri mo chluais Gun eisdeadh iad-san ministear, ’S gun cumadh iad e suas, Ged bu mhurtair ’us ghadaich e, ’Thaobh bhi aig ordugh Cleir, ’S thaobh gu’n d’fhuair e ’an Colaisdean Cainnt Laidin agus Ghreig! ’Seadh, ged bhiodh e cho ardanach Ri Haman* ’an Gleann-eilg, ’S ri Iudas† a bha ’n Arnasdail A sharuich cuid le’n ceilg: ’S ged bhiodh e cho geur-leanmhuinneach Ri Cain‡ ’an Strath-spei, Gun eisdeadh iad a shearmon’chadh ’S gun leanadh iad a cheum. Och! ’iad tha fo na bhreitheanas A tha dhe’n inntinn thruaghs’; Fu mhallachd lagh na Flaitheanais Gun aithne ciod tha uath: Ach aon ni air ’bheil fhios agam Mu iomadh de an t-shluagh, Gur posaidhean ’us baistidhean ’Us teist’nasan tha uath.|| * A. B. † D. C. ‡ U. G. || Ach ciod ma chailleas iad an anaman air an sga? [TD 27] A risd tha e gle shoilleir-dhomh Nach lean ach teirc an t-Uan Ni’s fhaid na theid an saoghal leo. ’San uidh sin cha ’n ’eil buan. Cho luath ’sa choinn’cheas croisean riu, Gu gealtach pillidh iad Air ’n ais a dh’ ionnsuidh Phairisich: ’S Och, b’e sin mor am beud! Thachair cuid dhiubh ’a In’r-feoran rium, ’Us cuid dhiubh an Strath-ghairbh, Thachair cuid dhiubh ’n Sgire Dhaothail rium, ’Us cuid dhiubh ’n Sgir’ Ghleinn-eilg. Thachair cuid dhiubh thall ’n Cata’obh rium, ’Us cuid dhiubh ’n Inbhirnis, Och! tha iad anns a Ghaidhealtachd Cho lionmhor ris an dris. Tha ’n spiorad tha ’sa Phap-eaglais Gu h-ard a’ riaghladh ’nis Ann am ministeran ’Staid-eaglais Gu cumail sluaigh gun fhios: A’ toirmeasg dhoibh nis eisdeachd thoirt Do Theachdairean th’air chuairt Chum an Soisgeul chuir an ceill doibh sin ’Tha aineolach de’n t-shluagh. Tha’id mar an ceudn’ a’ toirmeasg dhoibh Bhi ’leughadh ’n iomradh fhior ’Tha ’nis a mach ’an leabhraichean Chum dearbhadh an droch rian. ’S ann ’s coslaich iad ri gadaichean, ’S ri striopaichean gun chiall ’Tha ’g iarraidh nach biodh aithris air Mar tha iad ’faighinn biadh: [TD 28] Ach mar ’s mo ’tha iad ’toirmeasg sin A nis do shluagh na duth’ch, ’S ann ’s mo tha iad so ’foighneachd mach, ’S a’ rannsachadh gach cuil; Gu faighinn mach nan creach’dairean ’S na’n radanan air lian:* Air falbh as ’n tuill a mach iad uil’ Bho ’n ard-an-ear gus ’n iar. Is comharradh air breitheanas Air leth a bhi dhuinn dlu, ’Us olc a bhi a’ feitheamh oirnn Mus teid sinn ’sios do’n ur; An Tighearn ’bhi toirt dhachaidh leis Fhior Theachdairean ’sa shluagh, ’S tha ’lath’rachd ’bhi air aicheadh dhuinn Ag radh gu ’n deach E uainn! Tha cuid ag radh gun clach iad mi Airson a bhi cho geur A’ diteadh an cuid fasanan Tha muileach aca fein: Ach is treise Dia ta chomhnuidh shuas Na iad-san uile gu leir ’Us frasaidh E-san saighdean orr A chradhas iad gu geur. A nis bi’dh mi a’ criochnachadh. Ag iarraidh air an oig’ Iad do chuir cul ri’n amaideas, ’S na’n imeachd a bhi stolt’. Bhi ’cuimhneachadh an Cruthaigheir * Achach na raon. [TD 29] A nis, ’us gus an crioch, ’S a’ leanmhuinn ’mhain a chuideachd sin A tha a’ leanmhuinn Chriosd. IV.—Oran na Cleire, le Rob Donn agus R. D. “Fhuair sinn fir mar luchd preisgidh Tha oilbheumach na’n cleachdaidh’n, ’S thu gun chrioch ac’ ni ’s airde, Na th’aig luchd-ceaird, sin ’bhreacag: Bho’n tha ’n teagasg neo-speiseil, Chaill luchd-eisdeachd am feart orr’, ’Sann tha Ministear Sgire A nis na chriosduidh mar fhasan. Falbh ’nan cuideachd ’s ’nan comhradh, ’Us gheibh thu moran de’n phac ud, Dheanadh ceannaich no seoldair, Dheanadh drobhair no factair, Dheanadh tuathanach sunndach, Dheanadh stiubhart neo-chaithteach.” Ach a cheaird ris ’na chum iad Cha do dh’ionnsaich iad ceart i. “Cha mhaith ’n eisempleir th’aca, ’S cha’n’eil an teagasg ri ’chunntadh, Ach mar neach a’ toirt comhairl’; Gur coma gabhail no ’diultadh: Ged nach ’eil e na leisgeul Dhuinn droch eisempleir olaich; [TD 30] Co a dh’itheadh gu sunndach Am biadh a dhiultadh an cocair? Gheibheir fear dhiubh, la sabaid, Their gur Slanuighear Criosd dhuinn; ’S their e seachduin bho ’n la sin Nach ’eil sta ach ’an gniomhran: Bheir e iteagan arda ’S ni e magaran iosal; ’S thaobh nach eun e no luchag, Tha e na thrusdair de dh’ialtag.” Och! tha cuid dhiubh nam madaidh’n ’S na’n sionnaich gu beumadh, Bheireadh uainne na th’againn, Gun athadh, ’s gun reuson. Chan ’eil droch bhuaidh air talamh Nach fhaighear annt-fein e; “’S ge b’e shireas an gionach, Gheibh e ’m mionach na Cleir e !” Gheibhear cuid dhiubh lan ardan, ’S miannan ailgheasach talmhaidh; Gheibhear cuid dhiubh ri abhais, A tha grand ’us tha allmhaidh; Gheibhear cuid dhiubh cho staideil ’S nach tair bochd an leanmhuinn; ’S gheibhear cuid dhiubh mar Bhalaam, ’Us mar Mhagus an cealgair. Gheibhear cuid dhiubh mar Chain, ’Us mar Haman ’geur-leanmhuinn, Gheibhear cuid dhiubh cho naimhdeil Ri Diotrephes aingidh, ’S gheibhear cuid dhiubh mar Iudas Do’m bu cho’ainm Iscariot, [TD 31] A chuir ri Criosd a chul’aobh, Airson dun beag a dh’airgiod Cha’n iongantach leam idir Iad a bhi mar a tha iad; Oir bu bhruideil ’s bu choimheach An seana-mhath’r gun naire, ’S bha ’n eisempleir umhaidh A fhuair iad bho ain mathair; Ach chord i gu h-uaigneach, Bho ’n uair sin, ri an ailgheas. Thainig ceil’ Phaipa nall so Bho ’n Roimh ’san deach h-arach, ’Us rinn i ’n aird’ gu fealltach Ri ceannardan na Staid’ so. ’Us rinn i ceuag’al striop’chail Ri righrean Shasuinn ’s Albuinn, ’Us mheall i uath mar Stipean. Mu dheicheamh pairt na talmhainn. ’S bha aic’ dithis nigh’nean staideil An Sasainn ’us an Albuinn, ’S nuair dh’fhas iad mor ’us laidir Chuir iad ise ’mach a seilbhean, ’Us cheang’l iad ris na righreans’ An striapachas gu h-allmhaidh, ’S gu so tha ’m mic a’ faotainn An duais a bh’aig an sean’mhath’r. B’ann le car meallaidh fhuair i Bho shluagh na tir an t-airgiod: ’Sa mheud ’s tha beo ’san uairs’ air, ’S ann riu-san nach ’eil m’ fharmad. Dp thig naomh an Tighearn Tha lagh an Tighearn’ toirmeasg. [TD 32] Pris a mhadaidh thoirt a steach No striopaich dhuais d’a ionmhas.* An Sasuinn ’us ’an Eirinn Tha’n sluagh a’ fulang foirneart; Air an ciseachadh gun reuson, Leis na h-eucoraich gun trocair, ’Sa mheud nach tabhair geill doibh Gu h-umhailt mar a ’s aill leo, Theid cuir as gu leir doibh, ’S am beath no’n spreidh a sharadh. Thaobh na striopaich tha ’n Alb dhiubh, Tha i sgalartaich gu truagh nis Fo eagal toirt air falbh uaith Am mal-chis tha mar dhuais aic’. Tha i ’talach air na fhuair i, ’S aig iarraidh tuilleadh ailgheas, S’ airson nach ’eil i faighinn sin, Tha i frionasach ’no nadur. Bho ghabh iad daoin’ mar chinn doibh, Thainig caoile agus bas orr’, ’Us dh’ fhas iad coimheach aingidh, S ni ’s meas’ tha iad a fas uil’, O! ’s iongantach an fhoigh’dinn Tha aig an Ti a ’s airde, Tha giulan le luchd-adhaltranais Tha cho ladarn’ ’us cho dana! Gu brach cha’n urr’ dhomh cordadh Ris mhi-ordugh tha ’san tir so. Do ardan, fhein, ’us mor-chuis, * Deut. xxiii. 18. [TD 33] Tha gach seors’ ’nis a chi mi. ’Se ’s riaghailt dhoibh mach-meanmainn An intinn fein cia faoin i A roghainn air an riaghailt Thug Dia dhuinn anns a Bhiobul. ’S i mo chomhairl do gach eaglais, Iad thoirt thairis an cuid striop’achd, ’Us fheuchainn ri ath-leas’achadh, ’S co-cheangal ris an Fhirinn. Na’n creideamh ’us na’n cleachdaidh’n, Dh’aon bheachd a bhi gu gaolach. Ge dhean iad ’cheile a chasgradh Cha mhaith ni sin a choidh doibh. An ait bhi lasadh comhstri, Le connsachadh mu fhaoineachd, ’S le ainmean uailleach bosdail, ’San suaicheantais air aodach:* ’S e bhi iriosal ’s bhi stoilde, ’S bhi deonach air bhi sith’chail, ’S gan aicheadh fein bu choir doibh, Reir ordugh an Fhir-shaoraidh. Na’m b’ann de Righeachd Chriosd iad, Reir fhianuis fein ’san fhirinn, Cha chogadh iad gu siorruidh Ri cheile le airmean saoghalt’. Gun cronaich Dia gu luath iad, ’S gu’m buadhaich orr-san fhirinn, Chum cul chuir ris gach sua’nas Tha buaireadh sluagh na tir’ so. * Mar a th’aig na h-Orandich, &c. [TD 34] Bidh mi ’nis a’ co-dhunadh, Cuir mo chul’aobh ris a ghraisg ud, Gus an cuir iads’ an cul’aobh Ri bhi spuilleadh ’n cuid bho chach O; ’S gus an geill iad do an riaghailt Thug Iosa Criosd mar tha dhoibh, ’S gus an geill iad do bhi iosal, Agus rianail mar bha Paul O. [TD 35] A DH’IONNSUIDH LUCHD-AITICH INBHIR-FEORAN, AGUS NA GAIDHEALTACHD MU’N CUAIRT. A MHUINNTIR IONMHUINN, FAODAIDH sibh a chreidsin gur aobhar chuideamach a thug orm so a chuir h-ugaibh, agus airson sin tha mi ’gearbs gun toir sibh fainear gu ciuin foighidneach na tha mi leis so a’ cuir an ceill duibh. 1—A’ faicean gun d’oidhirpich spiorad nam breug, le ’chuid traillean breugach, air cunntas mi-cheart a thoirt duibh mu mo dheighin-sa, mheas mi gur e mo dhleas’nas duibhse cho maith as dhomh-fein, cunntas ceart, mu mo bheachdain ’s mo ghuilain, a thoirt duibh, ’chum gun tuig sibh gu ceart a chuis, ’chum casg a chuir air na breugan a tha ’sa chunntas a thug feadhainn eile dhuibh, agus a chum m’ fhianuis a thogail an aghaidh nan cleachdaidhean anacriosdail a tha ann an cuid de Eaglaisean aidichte chriosduidh anns an tir so. [TD 36] 2—Re a cheud chuig bliadhna deug de mo bheath, lean mi aidmheil-creidimh mo nabuidhean gun rannsachadh an robh e ceart no dochar; a’ smuaineachadh, mar a tha cuid dhibhse, gun robh e ceart, airson gun robh e air a leantuinn le cho mor de shluagh, agus air a chumail suas le daoine foghluimte Colaisde, agus leis an staid: Ach bho’n am sin fhuair mi sealladh air mo mhearachd, ’us bha mi air mo sheoladh ’us air m’aomadh gu gabhail a Bhiobuil a mhain na Riaghailt Creidimh ’us Cleachdaidh dhomh. Le rannsachadh nan Scriobtuirean bha mo bheachdan air an caochladh, ’us mo shuilean air am fosgladh gu faicinn iomadh mearachd annam fein ’us ann am muinntir eile.—Bho cheum gu ceum fhuair mi cothrom air rannsachadh Riaghailtean Suidhichte na’n caochladh earrainnean de’n Eaglais Chriosduidh anns an tir so, ’san tirean eile, agus air dhomh an coimeas ris nan scriobtuirean naomh, chunnaic mi gun robh iomadh cleachdadh truaillidh ana-criosdail air an suidheachadh ’s air an cumail ’naird le cuid de na Riaghailtean ud, a bha ’s a tha nan cip-thuislidh do iomadh neach, agus air an aobhar so bu choir an sguabadh a mach as gach Eaglais anns am bheil iad ri fhaotainn. 3—Anns na Sgirean fa leth anns an robh mo chrannchur air a tilgeadh, choinnich mi ri ministearan bho nach b’urrainn domh maith sam bith fhaighinn do m’ anam, agus air son sin sheachainn mi iad, agus thagh mi dhom fein a leithid de mheadhonan grais ’sa fhuair mi ni [TD 37] b’fheumail domh. Airson so dh’fhuilig mi fein ’s mo theaghlach geur-leanmhuinn bho na ministearan ud. Air do fhear dhiubh, eadhon am ministear tha ’n sgire Dhaothail, an Stra-spei, pairtidhean a phosadh air la Sabaid, chuir mi ’na aghaidh, agus airson an aobhar so, agus airson nach eisdinn a shearmon’chadh (a leughadh,) sgribh e gun fhios domh ’n am aghaidh do Dhun-eidin, agus air lorg sin fhuair e mo chuir air falbh bho’n chuideachd a chuir mi a mach a theagasg, agus as an sgire aige, agus sin gun an t-aobhar innseadh dhomh, ’s gun chead mo chuis a rannsachadh gu laghail, no eisdeachd a thoirt domh. An deigh sin bha air fhaotainn a mach gun robh breugan anns a chasaid rinn e orm. 4—Bho chian chuig bliadhna chuir Cuideachd Sgoilean ’an Glasgo mi gu Arnasdail Ghleinn-eilg do theagasg. Air do an tigh-sgoil a fhuair mi ann a bhi tuiteam agus eu-dionach, b’fheudar domh mo sgoil a thoirt as do thigh eile. Goirid an deigh sin thainig ministear cuidichidh do ’n ait, agus thug e air cuid de’n t-shluagh gne charadh dheanamh air an tigh air a shon fein gu searmonachadh ann. ’N uair fhuair e so deant’, cha’n fhoisicheadh e fein ’us ministear Ghleinn-eilg gus am pillinn air m’ ais do ’n tigh ud leis a sgoil. So dhiuld mi dheanamh gus am biodh air a dheanamh dionach mar ’bha air iarraidh leo-san a chuir mi do ’n aite. An so ghabh na ministearan greim mar aobhar gu leor gu m’ fhaighinn air mo chuir as an ait, airson rum a thoirt do fhear a b’annsa leo fein, agus gu [TD 38] h-uaigneach sgribh iad do Ghlasgo gu ’n d’fhag mi aon ait-teagaisg airson ait eile, maille ri casaidean breugach eile, agus air lorg sin chaidh mo chuir as an dreuchd, agus an annsachd fein a chuir ’n am ait, agus sin fos gun cheadachadh mo chuis a rannsachadh, na eisdeachd a thoir domh gu mi fein a dhion. ’N uair a chunnaic luchd-aithich an ait mur a bhun na ministearan gu cuilbheartach foireigineach rium, chum iad mi bliadhna eile a’ teagaisg an clainne. Ris so bha na ministearan ann an corruich, agus gu bagarrach thug iad air Factoir an aite stad a chuir air mo sgoil-latha, re seal, ’an dul le sin an sluagh eigneachadh gu cuir an clann do na sgoil eile. So cha dheanadh an sluagh, ach a mhain teirc do thraillean a gheill dhoibh. Aig ceann mios an deigh sin, chaidh mi air m’ adhart mar a b’abhaist domh, gus an d’fhag mi an t-ait. Anns a chunntas a thug e mu mo dheighinn ann a litir chlodh-bhuailt’ gu Captain Reid, ’san Elan-riabhach, b’ urra dhomh fichead de bhreugan ’s do mhearachdan a chomh’rachadh ’mach, ’san dearbhadh le iomadh fianuis na aghaidh, agus fathast tha mi ullamh gu leor gu dheanamh. ’S mi-dhionach am fasgadh na breugan d’a, agus is naire dha bhi, cleas na circ an deigh an uibhe a bhreith, a’ cuir an ceill do ’n t shaogal am beag maith a rinn e. Cha chomharradh so idir air e a bhi na fhior chriosduidh. Cha ’n ’eil so ach beagan de ’n droch caramh ris an do choinnich mi bho na ministearan ardanach, eas-ionraic, coimheach, ain-tighearn- [TD 39] ail, agus geur-leanmhuinneach ud, agus bho an luchd-co’pairt ana-criosdail.* Agus is lionmhor na tha de ’n seors’ ann an Eaglais Staide nar tire, agus ann an eaglaisean eile a dh’ fhaodainn a luaidh. 5—Air dhomh dearbh-fhios ’bhi agam gu ’n d’orduich ’s gu’n d’fhoillsich ar Tighearn Iosa Criosd ’san Tiomnadh Nuadh, riaghailtean gu leor airson riaghladh ’s cumail suas ’eaglais, agus gur e ar dleasnas orduighean a ghabhail, a fhrithealadh, ’sa chumail fior-ghlan agus iomlan; gun cuir riu no toirt uath, tha mi a’ meas gur e mo dhleasanas mar an ceudna cul a chuir ris gach uile chleachdadh eaglais’ a tha mi a’ faicinn nach robh a riamh air orduchadh leis, agus fianuis’chadh ’nan aghaidh. Fo’n dearbhadh so, agus gun speis phears’chan, tha mi leis so a’ cuir an ceill gu’m bheil mi a’ faicinn gu soilleir nach d’ orduich E a riamh an aonachd sin eadar Eaglais ’us Staid, leis am bheil “ughdarras ’us uachdranachd air a thoirt do righrean na talmhainn, (eadhon ged a b’ana-creidmhich iad), gu gairm Seanaidhean; co’thionailean mhinistearan ’us eildearan, gu bhi a lathar aca, agus aire ’thoirt gu’m bi gach ni a nithear annta no leo do reir inntin Dhe.” Tha mi a’ faicinn nach d’orduich E a riamh a Phatronachd; leis am bheil uachdranachd air a thoirt do righrean, ’us do oigh- * B’e ’n ni bu mho a bh’aca ’nam aghaidh, mi bhi cumail Coinneamhan urnuigh ’us teagaisg! [TD 40] reachan fearainn (a tha mar an ceudna nan righrean talmhainn) gu roghnachadh ’s gu suidheachadh ministearan ann an sgireachan, an aghaidh toil pobuill Dhe, bho ’m bheil leis sin air a’ chumail sochar roghnachadh ministearan doibh fein ’s do’n clann. Tha mi a’ faicinn gu ’m bheil aig iomadh, mur ’eil aig na h-uile de na ministearan a tha mar sin air an snuidheachadh, ni’s mo de speis do’n rusg na th’ac’ do’n treud, agus gu’m b’ann air sga nan tighean, an fhearainn; stipeanan, ’s na cisean (air dhoibh a bhi air an gluasad le spiorad na sannt,’s cha b’ann le spiorad Chriosd,) a shir’sa dh’iarr iad oifig na ministreileachd. Air an aobhar so tha pobull Dhe a’ teicheadh uath, agus a’ roghnachadh ’sa cumail suas ministearan dhoibh fein, thuilleadh air a bhi aig cost togail ’s cumail ’naird tighean adhraidh dhoibh fein, agus gidheadh, tha iad air am eigneachadh ’s air an cisead, seadh air an creachadh gu cumail suas na tuarasdalaich ’s an luchd-iuil dhall ud bho ’n do theich iad. Cha bheag an aobhar brisidh cridhe so do neach anns am bheil fianuisean. 6—Tha mi a’ faicinn nach d’orduich Criosd d’a eaglais, barailean dhaoine a ghabhail os ceann Fhacal fein. Cha d’orduich E a riamh an greadhnachas cogaidheil a tha air a chleachdadh aig Ard-chuirt na h-eaghis Staide. Cha d’ orduich e ’riamh a bhi gabhail airgid no luach mar pheineachas no pheanas airson adhaltranas, striopachas, no peacaidhean sam bith eile. Leis an abhais so tha peacaidhean, ’us sochairean eag- [TD 41] laise, air an creic’ ’s air an ceannach’. Cha d’ orduch E ’riamh cead suidhe aig a Bhord comanachaidh a thoirt do leithid ’sa tha air an cumadh ris an t-saoghal ann an fasanan faoin mi-fheumail ’sann an eididhean gogaidheach, no do mhuinntir ardanach, phroiseil, eutrom, fhanaideach, ana-cainnteach, dhraost, chul-chainidheachd, mhi-onarach, mhealltach, charach, fharmadach, shanntach, ghionachail, ’us gheur-leanmhuinneach; agus gidheadh, tha mi a’ faicinn gu’m bheil ministeirean ainmeil a’ leigeadh an leithid sin a steach; eadhon, muinntir aig nach ’eil teisteanas ni’s fearr na comharraidhean luaidhe a bheirear gu neo-dhligheach dhoibh: An leithid sin fein de chomharraidheach cha robh a riamh air an orduchadh le Criosd. Cha ’n iongantach ged tha’n eaglais truaillt.* 7—Tha mi a’faicinn nach d’orduich Criosd a riamh do a chuid ministearan a bhi cumte ris an t-shaoghal ann an greadhnachas, mor-chuis, gogaideachd, faoin-fhasanan, ana-caitheamh, no soghalachd; no bhi a’ sireadh no gabhail stipeanan no cisean; no bhi a’ fagail aon ait airson ait eile, air sga faighinn stipeanan ni’s mo; no ’bhi ’geigneachadh muinntir gu paidheadh stipeanan no cisean doibh; no an cuir am priosan, no ’n cuid a reisgeadh, a sharadh, ’sa chreic ris an neach a ’sairde ’thairgeas, airson iad do dhiultadh am paidheadh; no dhol le pairtidh- * Tha so a’ labhairt ris gach eaglais ’san tir. [TD 42] ean mhaor ’us shaighdearan a mharbhadh gach neach a thogras cis a chuir orra bho reisgeadh, &c. ’Us cha mho a dh’orduich e muinntir ain-diadhaidh a bhi na’n luchd-treorachaidh seinn a chliu ann an co’thionailean adhraidh; agus ciod sam bith eile nach d’ordaich ’s nach d’aithn E a chleachadh ’na Eaglais cha bu choir fhulang idir ann an Eaglais Chriosduidh sam bith. B’ann airson nan cleachdaidhean ana-criosdail ud a bhi air an ceadachadh, ann an Eaglais na h-Alb, a dhiult mi do Chleir Inbhir-Feorain m’ainm a sgribheadh ri Raighailtean suidhichte na h-eaglaise sin; air dhomh fhaicinn gu’m bheil iad a’cuir le cuid de na droch cleachdaidhean ud. Agus c’ait am bheil fior chriosduidh a gheibh cron domh, no chuireas cul rium, airson mi do dhiultadh saltradh air mo choinnseas?* Tha truas aig m’anam riu-san a chuir an ainmean ris na riaghailtean ud. Tha an la a’ teachd anns an gabh iad aithreachas air a shon. Duisgidh an coinnseas uair-eigin orra. 8—A thaobh ministearan tha feineil, ardanach, geur-leanmhuinneach, an iochd-mhor, sanntach, agus naimhdeil ri an co’chreutairean, ’snan luchd-cumail-suas chleachdaidhean ana-criosdail; ged labhradh iad mar ainglean, cha ’n ’eil iad air an cuir le Criosd, agus air an aobhar sin * Tha ministearan, luchd-teagaisg, ’s luchd-aidich mu thimchioll Inbhir-Feoran a dh’fhas naimhdeil rium air a shon. [TD 43] cha bu choir an eisdeachd, no ’n leantuinn, no cosd orra; oir cha bhi an saothar air a bheannachadh. A bhi ’gan eisdeachd ’s ’gan leantuinn, ’s bhi cosd orra, ’se th’ann direach a bhi ’g iobradh ’s deanamh seirbhis do ’n deamhan, ’s a bhi cuir cip-thuislidh roimh na daill. Cha dhi-mheas idir air orduighean Chriosd, ach eud air an son ann an glainead, a th’ann de tamh bho eisdeachd ’s bho leantuinn an leithid de luchd-iuil dhall agus thruaillidh. Is an-aoibhin doibh fein ’us do’n luchd-leanmhuinn. Uime sin tha e soilleir gur e ’ar dleasanas dealachadh bho mhinsistearan truaillidh’us bho eaglaisean truaillidh, air neo co’pairtichidh sinn riu nan cuid peacaidhean, cradhaidh sinn cridheachan na ’n ionracanain, grainichidh sinn air falbh an Spiorad Naomh, ’us bithidh sinn ’nar cip-tuislidh do na daill—do na h-aineolaich: Agus gidheadh, cia iomadh luchd-aidich a tha fathast gun so a thuigsin no chreidsin, ’s tha leantuinn ministearan gun ghras, a mhain air sga buannachd shaoghalt, an cois nach ’eil beannachd, ach mallarchd Dhe! Gu’m b’ann a ni Spiorad Chriosd na h-earrainnean so a leanas de na scriobtuirean naomh a cho-chur gu cumhachdach ’s gu h-eifeachdach ri ’ar coinnseasan. “Ma ghradhaicheas duine air bith an saoghal, cha’n ’eil gaol an Athair ann. A bhi bhi na chairid do’n t-saoghal, ’se bhi na namhaid do Dhia.—Agus ciod am feum a ni e do dhuine, ged ’bhuannaicheadh e an saoghal uile, ma chailleas e anam fein? Sguir, mo mhic, de eisdeachd an teagaisg a tha ’gaobh’rachadh dhol am [TD 44] mearachd bho bhriathran an eolais. Oir tha luchd-treoraichidh an t-shluaigh so ’g aobh’rachadh iad a dhol am mearachd; agus tha iadsan a tha air an treorachadh leo air am milleadh. Mur labhair iad do reir focail an lagha agus an teisteas, ’sann a chionn nach ’eil solus annt: Leigibh leo: tamhaidh uath: is luchd-treorachaidh dhall air na daill iad. Agus ma threoraicheas na daill, daill eile, tuitidh iad le cheile anns an t-slochd.” Iadsan a leanas Iosa, cha’n eisd ’s cha lean iad tuarasd’laich no coigrich. “’Nis tha mi a’ guidhe oirbh a bhraithran, comharraichibh iadsan a tha ’gaobh’rachadh roinneann agus oilbheuman an aghaidh an teagaisg a dh’ionnsaidh sibh, agus seachainidh iad. Oir cha’n ’eil an leithid a’ deanamh seirbhis do ar Tighearn Iosa Criosd, ach do am bru fein; agus le briathran maith agus cainntean no labhairt bhoidheach, (eideadh chaorach) tha iad a’ mealladh cridheachan nam muinntir shimplidh aineolach. Bho an leithid ’s aig am bheil furm diadhachd, ach tha ’g aicheadh a chumhachd, tionnd air falbh. Oir bho fhaidhean Ierusaleim (bho ministearan truaillidh ain-diadhaidh) tha mi-naomhachd air dol a mach air feadh na tire uile.”* Is buill iad de’n armailt a tha cuir an aghaidh an Uain, ’us tha iad nan grainealachdan do anaman grasmhor. * Tha iad toirt eisempleir ardanach, mhor-chuiseach, phroiseil, fhaoin-fhasanach, ana-caitheach, shanntach, &c. do ’n t-shluagh. [TD 45] [A dhìth] [TD 46] [A dhìth] [TD 47] h-Eldadich, na Medadich, ’s na Mordecaich air am misneachadh gu deanamh na h-uile mhaith a ’s urrainn doibh chum aobhar an Fhir-shaoraidh a chuir air adhart ’san t-shaoghal. 11—Gu co’dhunadh: Tha mi a’ faicinn Babilon a’ tuiteam—a steidh a’ crathadh—a stiopal a’ sgaineadh—a ceannuichean a’ tuireadh ’sa bron—a sluagh troimh a cheile, ’s air an roinn nam pairtidhean, a’ toibheum, a’ trod, a’ caineadh, ’sa’ brath a cheile; a leigeadh ris an cuid salcharachd, ’us mealltaireachd, ’us naire—agus is coslach nach fhada gus am bi iad a’ cogadh ’sa’ sgrios a cheile airson duais na striopachd.* Tha mi a’ cluinntinn Iosa a’ gairm air a phobull a thighinn a mach aisde: O nach ann a chluinneadh, a thuigeadh, ’sa chreideadh iad a ghuth, ’sa gheilleadh iad do a reachdan-sa gu h-homlan ’s gu fiorghlan! ’Sann a reisd a bhitheadh an t-sith aca, air am bheil iomadh gu truagh ain-eolach. ’Sann a reisd a dh’ fhaodadh iad a bhi an duil ri a chumhachd a bhi a lathair aca ann am meadhonan na’n gras a chum an leigheas, a chum an arach, a chum an teagasg, ’san treorachadh a chum sonas siorruidh. Gu ’m b’ ann a luathaicheas E an t-am a thachras so, ’sa dh’ ath-leasaicheas E gach eaglais a tha air thalamh; oir tha mor fheum aca uile air a bhi air an glanadh bho mhearachdan ’s bho thruaillidh- * Stipeanan ’us deicheamhan. [TD 48] eachdan. Beannachd leibh uile. Bho ’ur caraid neo-leth-bhreitheach, ROB DOMHNULLACH. Inbhirnis, 1836. [TD 49] SEARMONAN DO ASAILEAN. SEARMON I. GEN. XLIX 14.—“Tha Issachar na asal laidir, a luidhe sios eadar da eallach.” THA e cumant a bhi ’comharrachadh ’mach iomhaidh sluaigh le coslas ainmhidh, mar a tha ’sa Bhonn-teagaisg, “Tha Issachar na asal laidir.” Gu firinneach bha mor fheum aige air neart, oir bha de eallach air. Bha treibh Issachar na’n sluagh leisg, diomhan, neo-churamach: Ghradhaich iad fois ni bu mho na saors’, ’us roghnaich iad ’bhi na’n traillean, roimh dichioll a dheanamh gu tagair [TD 50] airson an cuid sochairean. Bha iad gle lionmhor; 54,400. Ro lionmhor gu bhi cho beag spioraid. Cha robh easbhuidh neart orra, ach easbhuidh spioraid. ’Siomadh gibht mhaith a tha dona air am buileachadh. Tha neart neo-ghniomhach na mhasladh do nadur dhaoine. Tha righeachd thraillean na righeachd asailean. Tha fois maith, ach tha saors na’s fearr. Ciod e ’bha mi ’g radh? Tha fois gun saors na dhaors’ agus na thraillealachd. Tha mi ’smuaineachadh gur e Iacob a cheud fhear a th’air luaidh san scriobtuir a shearmonaich do asailean, ach ’siomadh a bha mar so air an cleachdadh bho ’thim-san. Ach ciod bu chiall do na h-eallaich ud, fo’n do luidh Issachar a sios cho eireachdail? Theagamh gur trailleileachd do Staid ’us Eaglais a bh’annt’. Nach neonach gu’n giulanadh cho liugha de ’chreutairnan reusonach cho samhach an leithid de dh’a eallach throm. Cho mhor nach do dhi-chuimhnich mi gu’m b’ asailean iad. Cha b’ urrainn sluagh beothail ’sam bith a leithid de dhaors chraiteach fhulag gun ghearan. Ach co a ruigeas a leas iongantas a bhi air ri cor mhi-dhuineil Issachair? Luidh an Roinn-Eorp uile; ’seadh, a chuid a’s mo de’n t-shaoghal, a sios eadar da eallach foireign Staid ’us Eaglais. Bha na h-Iudhaich ann an laithean Iosa Criosd air fas nan seors de dh’ asailean neo-smiorail; luidh iad a sios gus na chuir na sagairtean an eallach air aon taobh dhiubh, agus na [TD 51] Romanaich an eallach-san air an taobh eile. Is slaodach am buithas so; b’ fhearr leam gu’n robh e air dol as an t-shaoghal. Chrub Issachar a sios; ’s maith a thoill e eallaich throm airson a mhi-dhuineileas. Tha e luath gu leor geilleadh do dhaors ’nuair nach urrainn dhuinn a leasachadh. Tha trailleileachd na duais cheart dhoibh san a bheir gu deonach a seachad an coirichean ’san sochairean nadurach fein. Tha iad-san aig nach ’eil meas air saors a’toilltinn a bhi na’n traillean. Cha ’n ’eil coir aig daoine air an sochairean a leigeadh dhiubh gus an iarr Freasdal iad. Mhill ar ceud pharantan iad fein ’san sliochd le geilleadh do mhaighstir ur. Bha am ann ’nuair bha moran de leithid Issachar anns an tir so: Ach, taing do na flaitheanas! tha ghinealach sin an ire bhi marbh. An am ud cha b’ urrainn do chriosduidh a radh gu’m bu leis fein a cheann gun cis a phaidheadh air a shon, ’s cha ’n fhaodadh e ceo leigeadh ’mach tre ’fhairleus gun cis a phaidheadh do’n Righ airson na sochair sin. B’e Righ Bhreatuinn an uair sin Prionns’ cumhachd an adhar, cho maith as Righ Bhreatuinn ’s Eirin. An am ud cha do mheal na bochd biadh, no aodach gun cis a phaidheadh air an son; ’seadh, airson na dearbh bhrogan ’bha air an cosan. Cha do mheal sluagh na tire solus sam bith, gun cis a phaidheadh air a shon. Faodaidh gu’m bheil mi ’am mearachd; oir dh’ fheudadh gur ann a phaidh iad cisean airson an cuid uinneagan ’us [TD 52] coinnlean ’s cha b’ ann airson an solus: Ach tha ’n uinneag, a choinneal, ’san solus, cho dlu ri ’cheile ’s nach urrainn duinn gu maith an dealachadh an comhnuidh. Bha iomadh rud ann a b’ iomchuidh a chiseachadh na na nithe air an robh na bochdan beo. Bu trom an t-eallach sud do shluagh bochd na tire, ach ’se bh’ann diubh Issacharaich: Ach gidheadh, nach bu mhireusonach nach fheudadh daoine biadh, no deoch, no aodach, no iocshlaint, no solus, no eolas a bhi air a cheadachadh dhoibh gun chisean a phaidheadh air an son? Tha eallach mi-reusonach eile fo’m bheil iochdranan Righ a’ luidhe ’sios, ’se sin bhi paidheadh airson aran ’us fion air nach do bhlais iad a riamh; gu toirt cuirm do shluagh ris nach eil comuinn aca. So, tha iad a radh, tha dh’ fhiachan oirnn leis an lagh: Ach ma ’s lagh e cha cheartas e, bhi toirt air muinntir paidheadh airson lon mhuinntir eile, ’s iad-fein comasach gu leor gu dheanamh. Am bheil eigneachadh sam bith ann an cuisean diadhaidhachd, ann an tir saorsainn? Ach cha ’n ’eil iad air an eigneachadh gu ith no ol, ach gu paidheadh. Agus c’ait am bheil an reuson airson sin? Nam b’ oircheasachd e, bhiodh e dligheach, ach c’ait am bheil coir na tagair? Tha aileadh brein lagh a Phap de’n lagh sin. Tha e reusonach gu leor gu’m paidheadh an luchd-comanaich; ach cairson a tha e air chuir orra-san tha dealaicht bho ’n eaglais Staid paidheadh air an son? Tha so gu cinnteach na leithid a dh’ eallach ’sa chuir na [TD 53] Sgribhich ’s na Phairisich bho shean air an t-shluagh chumant. Ciod an lagh le Criosd no le chuid Abstoilean air am bheil so air a steidheachadh? Bu choir dh’a bhi air a steidheachadh an ait-eigin ’san Tiomnadh Nuadh. Phaidhinn e gu toilicht air sga coinnseas na’m feuchadh iad dhomh c’ait am bheil e air iarraidh ’san t-shoisgeul. Gu cinnteach cha’n’eil e aon chuid eireachdail no ordail ’bhi ’deanamh cuirm, agus a’ toirt air gach neach paidheadh air a son, co dhiubh a’s urrainn iad le saorsainn coinnseas a dheanamh no nach urrainn. ’Se so ’bhi ’gnathachadh dhaoine mar asailean le fianuis. Is dona ’tha iad-san a’toilltinn comuinn ris an t-Shanuighear, nach ’eil deonach air cost a chomuinn sin a ghiulan. Bhiodh rughadh gruaidh air sluagh sam bith nach do chaill an naire bhi ’g iarraidh nisam bith airson feum diadhaidh ’s nach b’ urrainn doibh barantas fheuchain bho fhocal Dhe air a shon; “’Se gaol airgid freumh nan uile uilc’;” agus cha’n’eil nis mo de dheigh air a shon ’an ait sam bith na tha am fagus do’n altar. Ah, a shagairtean! tha sibh a’ toirt oirnn paidheadh airson na h-uile ni; tha sibh g’ar glacadh cho luath sa tha sinn air teachd a steach do’n t-shaoghal, agus cha ’n’eil sibh idir a’call sealladh dh’inn gus am pill sinn do’n dus. ’S eigin do n-ar mathraichean ’ur paidheadh airson ar breith, ’sar ar aithrichean airson sinn fhaighinn air n-ar baisteadh. ’Nuair a phosar ’sa thiodhlaicear sinn, feumaidh sibhse a bhi paidhte air a shon. [TD 54] ’Nuair a tha sinn a’ teachd a steach do’n t-shaoghal, ’s nuair a tha sinn a’ dol a mach as, tha sibhse a’ cuir pris air n-ar cinn. Agus na’n sasaicheadh sin sibh, dh’fhaodadh sinn a mhaitheadh dhuibh; ach cho fad ’sa bhios ’ar cinn air ’ar cuirp, imiridh sinn sibhse a shasachadh na h-uile bliadhna airson am feumas; faodaidh sinn gu fior a radh gun leibhse ’ar n-uile nithe. Imiridh sibh blasad de n-ar maoin uile: deicheamh de na h-uile a th’againn, tha luachmhor ’us freagarrach air ’ur sonsa, is leibhse sin. Tha sibh ’g radh gu’n robh an deicheamh air orduchadh fo’n lagh airson treibh Lehhi agus mic nan sagartachd: ach cuimhnichibh, sibhse a Leibhich, nach b’ann de ’ur treibh-sa ’bha Iosa Criosd; ach de threibh nach do riaraich aig an altar; agus cha do shuidhich e sagartan sam bith, ’s cha mho ’thug e laghan sam bith mu dheighinn deicheamh no cis. Mar is Criosduidhean sinne, cha’n ’eil coir agaibhse air ’bhi ’g agair deicheamh no cis dh’inn: paidheadh an luchd-creidimh Iudhachail deicheamh, ach ciod a th’againn ri dheanamh ri mic Lebhi fo’n t-shoisgeul? A Shlanuighear ghrasmhor agus throcairich, thainig thusa gu saoradh na’n criosduidhean bho dhaors’ ’us bho thrailleileach ’s gu toirt saorsainn dhoibh bho lagh Mhaois; ach tha sinne fathast ’nar luidhe fo eallach de thrailleileachd aig nach ’eil steidh air bith ann do shoisgeul-sa, ach ’tha air a sparradh oinn leis an lagh ud. Cha d’iarr, ’s cha d’fhuar, ’s cha do ghabh do chuid-sa Abstoilean cis no deicheamh, oir bu [TD 55] Chriosduidhean iad, agus bha iad ciuin, iriosal coslach riut fein: ghradhaich iad saors thoirt do dhaoine, ach gun an sarachadh. Chuir iad an aghaidh lagh nan deas-ghnathan aig cunnart am beathan, ’us dh’innis iad do Chriosduidhean nach robh i feumail dhoibh. Is cruaidh gu’m bheil Criosduidhean fathast fo ’bhi cumail taic ri sagartachd Iudhachail fo’n t-shoisgeul. Sagartachd! Imridh mi dhol fad air m’ais gu faotainn an oifig so; oir cha robh aon ann bho ’nuair a chriochnaich Iosa Criosd eusaontas, ’sa chuir e crioch ri peacadh. Is oifig Seann-Tiomnaidh i. A nis, fo’n t-shoisgeul, tha uile phobull an Tighearn na’n sagairtean, ann an cainnt an Tiomnaidh-Nuaidh; “is sagartachd rioghail sibh.” Ach ciod is ’ciall do na tha’n Tiomnadh Nuadh ag radh? tha riaghailtean cuid a dh’ eaglaisean a radh. Tha sagairtean againn, ’us feumaidh iad cis no deicheamh fhaighinn. ’Se earrainn araidh de dhiadhachd ’ar Slanuighear, fein-aicheadh: “Aicheadh duine e-fein, ’us togadh e ’chrois, ’us leanadh e mise.” Bha so uair-eigin air a thuigsinn gu ciallachadh, nach robh creideamhaich gu bhi air an cumadh ris an t-shaoghal, no gu sireadh nithe mor air an son-fein; no bhi faoin-fhasanach, spaidail, gogaideach, greadhnach, mor-chuiseach. Ach bho ’nuair sin fhuaireas a mach, gur e ’n ceum a ’s airde de dh’ fhein-aicheadh ’bhi mealtainn beolaind, no beathachadh de cheudan no mialtean phuind Shasuinneach ’sa bhliadhna, ’s [TD 56] gun ni mi-araidh ’dheanamh leis, ach airneis ’us buird ’us eididhean greadhnach mor-chuiseach a chumail a naird do reir an teachd-a-steach; ’s gu’m bheil uiread de fhein-aicheadh air a thaisbeanadh le ministearan, sagartan, easbuigean, ’us ard-easbuigean a nis le bhi a’ cleachdadh gigeachan, ’us coitsean, ’sa bha le Iosa do mharcachd aon uair air asal! gun luaidh air an cuid eich us diallaidean, ’us botan, ’us casagan, ’us cleocan greadhnach cubaidh, ’us tiodailean ana-criosdail ’us neo-sgriobturail! Cha choiricheadh sinn idir iad cho mor airson an nithe maith a bhi aca ’sa bheath so, mar a bha aig Dives brathar-an-seanair, mur b’e gu’m bheil iad beo le bhi a’ foireigneachadh muinntir eile le agartasan mi-cheart: Ach ’nuair tha iadsan tha deanamh ball-amhairc de dhiadhachd ann an adhradh do’m fein thoil, a’ toirt air muinntir aig nach ’eil co’ chomuinn riu a bhi a’ giulan a chosdais; cha ’n ’eil e ach reusonach an cuir ’an cuimhn air ciod bu choir doibh a bhi. An imir iochdranan maith ’bhi air an Sachdachadh mar asailean le sagairtean, mar ’bha na h-Iudhaich ’nuair a thainig Iosa Criosd do’n t-shaoghal? An uair a dh’iarras iad sochairean paidheadh iad air an son; ma phaidheas sinne dlighe an Righ, ciod e an reuson a tha airson paidheadh airson diadhachd mhuinntir eile anns nach ’eil maith sam bith dhuinn? Ma tha na h-eaglaisean a tha aonaicht’ ris an Staid nan eaglaisean soisgeileach, cha’n’eil an leithid air [TD 57] an orduchadh ’san Tiomnadh Nuadh! Tha e dearbht’ gu’m bheil gach uile eaglais Staid geur-leanmhuinneach. Mur sin cha robh, cha ’n’eil, ’sam feasd cha bhi Eaglais Chriosd: fagaidh si ’n cleachdadh sin aig sinagogan Shatain. Tha’n Creideamh Criosduidh cho maith air a dhion a dh’easbhuidh aonadh ris an Staid ’sa tha e leis, ged nach ’eil na cisean ’sna stipeanan mar sin, Tha’n sgriobtur a radh gu’m “bheil am firean beo le creideamh,” ach cha chreid ministearan an la’n diugh gu’m bi iad beo, no gu’n tig iad troimh, mur bi na h-uiread ’sa bhliadhna, cho fad ’sa bhios iad beo, air a dheanamh cinnteach dhoibh leis an Staid. Leis so tha e dearbht gur ana-creidmhich iad, agus ciod a choir a th’aig ana-creidmhich air a bhi nan ministearan: Mo naire air an luchd aidich a tha ’ga leigeadh air adhart! Tha gealladh an Tighearna na thearuinteachd, na dhion, na thaic, ’sna fhasgadh gu leor do Eaglais Chriosd ’s do ’sheirbhisich. Tha’n Eaglais air a togail air teagasg nam faidhean ’s nan abstoilean, air do Iosa Criosd e fein a bhi na chlach cinn na h-oisinn, “’s cha’n ’eil feum aice air an leithid a dh’airm fheolmhoir ’sa th’ann de achdan Parlamaid ’s Ard Chleirean, no feachdan Cogaidh staide, seasaidh si ni’s fearr d’an easbhuidh. Ciod na h-Issacharan a baill le nar luchd-iuil eaglaise a dheanamh dhi’nn, gu cuir air n-ar gualainnean a leithid de throm eallach de laghan ana-criosdail eaglaise, ’s de chreudan talamhaidh, ’nuair a dh’ fheudas gach neach a leughas an [TD 58] Tiomnadh Nuadh fhaicinn gu furasd diomhanas an run a th’aca? Ma ’s deiscioblan do dhaoine sinn, cha dheiscioblan do Iosa Criosd sinn. Faodaidh eallach cisean do na Staid a bhi gu foighidneach umhailt air a ghiulan ’nuair nach tairear a leasachadh, ’s an fhad sin a bhi umhailt do na cumhachdan a t’ann: Ach a thaobh eallach achdain foirneartach ana-criosdail eaglaise, cha ’n urrar le saors coinnseas a ghiulan idir: cha’n’eil aig coinnseasan dhaoine ach aon Mhaighstir, agus cha’n urrainn iad umhlachd a gheilleadh do aon sam bith eile. Is ana-creid-mhich ’s luchd-foireigin ’tha toirt air muinntir eile gabhail ri’n cuid-sa barailean mu-dhiadhachd, air peineachas call air bith. ’Nuair a tha facal Dhe air a thoirt gu deanamh duine Dhe iomlan uidheamaicht airson nan uile nithe ’s an diadhachd, nach eil iad a’cuir amaideas as leth Dhe, agus neo-iomlanachd as leth fhacal, ’nuair a tha iad a’ deanamh garaidhean dion an aghaidh mearachd, mar nach bu leor na Scribturan fein? Agus nach e bhi gnathachadh dhaoine mar asailean, a bhi ’g innseadh dhoibh gu’m bheil na Scribturan lan-fheumail airson nan uile nithe ann an cuisean diadhachd, agus gidheadh ’gan cuir fo eigin gabhail ri barailean dhaoine gu gleidheadh glaine creidimh? Se so bhi deanamh ’sa’ milleadh aig an aon am. Ciod an t-aobhar airson toirt a steach suidheachadh diadhachd air bith eile aon chuid maille ris na scribturan, no a thuilleadh orra, ma tha iad-fein [TD 59] gu leor gu deanamh daoine iomlan anns na h-uile ni ’bhuineas do dhiadhachd? Am bheil daoine a’ smuaineachadh gu’n urrainn iadsan labhairt ni’s soilleir’ na an Spiorad Naomh, no an fhirinn a mholadh ni’s soilleir’ do choinseasan dhaoine eile na Esan? ’Se ’n sluagh a bhi leisg trailleil is aobhar do uile ainneartan eaglaise ’us Staide fo’m bheilear an tra-sa’ gearan. Cho luaith ’sa gheibh iad luchd-riaghlaidh Eaglaise ’us Staid os an cinn, tuitidh iad nan cadal ann an taitneas, monais, ’us neo-aire; agus tha so ’misneachadh an luchd-riaghlaidh gu gabhail brath orra; ’seadh agus gu’m brath le bribean ’us le’n cuir fo mhisg. An urra e bhi air a shaoilsinn, gu’n gabh an leithid sin de dhaoine curam mu dheighinn ’ur coirichean, a thoisicheas le bhi a’ milleadh ’ur n-anaman le misg ’us mionnan-eithich? Ciod e is fearr sluagh na tire na asailean, a tha fulag iad-fein a bhi air am mealladh a mach as an cuid sochairean, le daoine mor a tha a’ tighinn gu’n uisgeachadh? ’seadh, ’sa toirt air bailtean bhi ’snamhadh ann am misg. Fhad ’sa tha daoine nan traillean do’n ana-mhiannan cha’n urrainn iad a bhi saor. Ciod iad na h-Issacharaich a th’ann de shluagh a chuireas os an cinn daoine gun eagal Dhia ’s gun ghaol dhoibh ’san? ’Siad an lamhan fein a rinn na cuibhrichean leis am bheil iad air an ceangal. A shluagh Bhreatuinn! am bheil fhios agaibh ciod a tha sibh a’ deanamh, ’nuair a tha sibh airson fabhar no ailgheas, a’ [TD 60] toirt ’ur n-aont do chuir do’n Pharlamaid daoine a tha airson traillean a dheanamh dhibh? Tha sibh a cuir an ceill do’n t-shaoghal uile gur asailean sibh, ullamh agus deonach gu gabhail eallach ’sam bith oirbh. Is asailean—is umaidhean gun spiorad, gun toinisg a chrubas mar so. Agus is luchd-aidich gun ghras—gun bheath na fior-dhiadhachd a dh’aontaicheas le ministearean aindiadhaidh, no dh’eisdeas no leanas iad, no bheir gnuis idir dhoibh. Gu’m b’ann a bheir Dia do na h-uile dhaoine eolas air an cuid sochairean, agus spiorad fior-eud chu’m an tagair, ’san gleidheadh, ’san dion. Amen. [TD 61] SEARMON II. AIREAMH xxii. 21—30—Agus dh’eirich Balaam ’sa mhaduinn, agus dhialladaich e ’asal agus chaidh e maille ri prionns’chan Mhoaib.—Agus thuirt an asal ri Balaam, nach mise t-asal, air an do mharcaich thu riamh bho ’n uair bu leatsa mi? DH’EIRICH e ’sa mhaduinn, agus dhiallaidich e ’asal. ’S fheudar gur cuideamach an aobhar a thogadh leithid Bhalaam cho moch ’sa mhaduinn. Ghradhaich e duais na h-eas-ionracais, agus dh’eirich e le run pobull beannaicht a mhalluchadh, chum a cosnadh! ’Nuair a tha duine marcachd dh’a ’n deamhan, ni asal gnothaich dh’a cho maith ri each. Bha ni mor aig an fhaidh shanntach na shuil:—Gheall righ Mhoaib [TD 62] ’ardachadh gu saibhreas ’us urram, na ’m malluicheadh e clann Israeil; agus cha b’ iongantach idir ged bhiodh fear do chail Bhalaaim a naird gu moch ’sa mhaduinn gu sealltuinn ’nan deighe. B’ann gu riarachadh righ cuideachd a bha e. Bha aig righ Mhoaib agus ’fhaidh Balaam deamhan air chor-eigin ’nam beachd, a shaoil leo a b’ urrainn Israeil a mhallachadh. Ciod an droch-mheinn a tha ann an naduir cuid de dhaoine, nach urrainn iad bhi toilicht’ ach le sgrios an co’chreutairean! Na’n robh do chlann-sa, ’Bhalaic, uile air basachadh anns a chath ’san do thuit do charaid Balaam, agus na’n robh a chlann fein uile air dol a dhi maille ris, cha bhiodh aig an t-shaoghal aobhar gu bron airson an call. Ach ’sann a tha chuis air dhoigh eile. Tha do shliochd, coslach ri locustan Pharaoh, air an sgaoileadh air feadh uile righeachdan an Roinn-Eorpa. Bhuat-sa agus bho t-fhaidh Balaam dh’ionnsuich luchd-comhairle na’n righeachdan a bhi ’mallachadh an naimhdean, agus ’bhi ’g iarraidh faidhean gu’n cuideachadh. Bho Bhalaam dh’ionnsuich eaglaisean a bhi ’toirt thairis do leir sgrios shiorruidh an leithid ’snach ceangail riu nan creud chumhant, gu cumail taic ri ’n ceard chumant. Cia mar a bha ainm Dhe air a mhi-naomhachadh ’s air a mhi-gnathachadh le guidheachanan ’s urnuighean mi-runach mhinistearan ’s luchd-aidich gheur-leanmhuinneach eaglaisean Staide, gu mallachadh miltean a bha ’sa tha ionmhuinn ’na shealladh! Ghniomhraich [TD 63] luchd-iuil staide ’s eaglaise a riamh air an aon steidh. Sin nach b’urrainn iad fhaighinn deant’ le reuson agus neart argumaid is minig a fhuair iad e le mallachaidhean ’us guidheachanan eaglaise. Chuala sinn mu chuid a bha airson fuil a cheile a dhortadh ann an ainm an Tighearn’.* Am b’ann ri Dia na flaitheanais chuir iad sud an comhairl: Cha bann idir, ach ris an deamhan. Cha n’eil amharus nach robh cridhe Bhalaaim lan de dhochasan airson nan duaisean ’san urram a bheireadh righ Mhoaib dh’a, ’nan rachadh leis. Dh’ fheudadh gu’n robh e a’cunntadh thairis ann a inntinn na suimean mor arigid a bheireadh e air ais leis, agus na h-urraman sonraichte a bheireadh uile uaislean Mhoaib dh’a. Theagamh nach robh aig esbuig no ministear a riamh dochasan ni bu mho na bha aig Balaam; ’nuair a chlisg ’asal a leth-taobh, ’sa chuir i a marcach an ire mhaith ’san t-shalachar. Bha eagal air an asal; agus cha b’iongantach sin a bhi oirr’, oir chunnaic i sin a bha neo-fhaicsinneach do a mhaighstir,—“Sheas aingeal ’san rathad.” Ciod an eideadh a bha air an aingeal so, no ciod a bhuaidh fradhairc a bha air a thoirt do’n asal, fagaidh mi sin do luchd-breithneachaidh:—ach chunnaic i rud-eigin, nach b’ * Ni Mathair na’n Striopaichean ’sa cuid Nigheanan fathast a leithid. [TD 64] urrainn a bhi na spiorad, oir tha ministearan a radh gu ’m bheil spioradan neo-fhaicsinneach. Ach cha b’e sin uile, chlisg i a-rithist, ’us chaidh i tur dheth’n rathad do ’n raon. Stad a chuir air duine ann a thurus, ’us e aomte air, ann an dochasan tighinn air ais sachdaicht le beartas ’us urram, bha e na anabar brosnachadh. Bha ’n oilbheum ni bu mho, a thaobh gu ’n robh am faidh ann an cabhaig: cha ’n urrainn sinn a shaolsinn gu’n robh e air dhoigh eile, or ghradhaich e duais an eas-ionracais. A rithist! cha ’n ’eil meas air asailean an uair a thionndas iad tuainealach; bhuail i ris a bhalla; agus mar a mharcaich am faidh, reir coslais, mar a b’abhais do fhaidhean marcachd, faodaidh sinn gu furas a shaoilsinn gu’n robh aon de a luirgeanan ann an droch staid dheth: “Bhuail i a chas ris a bhalla.” Gu fírinneach bu dona an comharadh so; ach dh’ fhuilig an asal gu gort air a shon. Bha bat ag an fhaidh, ’us cha’n ’eil amharus nach cuimhnicheadh an asal e cho fad’s bu bheo i, mur b’e gu’m b’asal i: Ghabh e oirr leis, a chum a toirt gu farachdainn air a dleasnas. Tha e coslach gu’m bu sheann duine am faidh, ’s gu’n do mharcaich e le bat, mur b’eadh, ’se cuip bu choir dh’a ’bhi aige. Dh’ fhas am faidh frionasach ris an asal, ach b’ann aic-se a bha an t-aobhar air bhi frionasach ris-san: B’iongantach nach do thilg i e dheth a muin, ’s nach do thar i as bhuaithe. Dh’ fhosgail i a beul, mar a rinn i gun amharus, iomadh uair a roimhe sin, ach [TD 65] ann an caochladh dhoigh; labhair i le comas ealamh bho neamh. Tha air a radh gu ’n “d’ fhosgail an Tighearn beul na h-asail.” Tha cainnt asailean gle ealamh gu uamhas a chuir orra-san nach ’eil eolach oirr’, a thaobh nach i cainnt a’s taitniche a t-ann idir; ach i do labhairt mar dhuine, bu leor e gu duine a chuir as a chiall le eagal. Theagamh gu’m fannuicheadh duine air bith eile ach Balaam le a cluinntinn; ach bha inntinn-sa ro lan de bheartas ’us de dh’ urram gu bhi gu farasd air a ghluasad. Labhair asal an fhaidh coslach rithe-fein a thaobh brigh. “Nach mise t-asal-sa?” An creutair bochd iriosal! riaraich i e fada gu leor airson a leithid de dhuais; bhuail e i, agus dh’ innis e dh’i nan robh claidhe aige gu’m marbhadh e i. Na’n robh i air faighinn cleachdadh reusoin comhla ris a chainnt, dh’ fhagadh i, gun teagamh, a maighstir ’sa sheirbhis. Cha mhor am feum a tha ann an comas cainnt a dh’ easbhuidh cleachdadh ceart reusoin. Faodaidh asal labhairt, ach is asal fathast i, mur d’thainig a chaochladh atharrachadh oirre. Bha maighstir na h-asail so coslach ri moran a bh’ann bho thim-san, a dhi-chuimhnich deadh sheirbhisean airson oilbheum gle bheag: cha b’oilbheum a bh’ann, ma rannsaichear gu ceart e, ach mir de sheirbhis dhileas; oir thiorc e beath an fhaidh. Cia iomadh a riarich an duthaich gu dileas re fad iomadh bliadhna, ris an deach buntainn coslach ri asal an fhaidh—a fhuair fior dhroch ca- [TD 66] radh an aite duais? Tha iomadh cuspair neo-fhaicsinneach a’ caithris gluasadan an duine eu-coirich ain-diadhaidh, ’nuair tha e a’ marcachd gu luath gu maslachadh a Chruthaighear ’s gu sarachadh a phobuill; ged nach ’eil esan a’ faicinn a chuspair an t-ainmhidh a tha ’ga ghiulan fhaicinn, agus innseadh cuideachd. Mur toireadh e oilbheum do chuid aig am bheil ni’s mo a dh’eud na a th’aca de thuigse, choimeasainn cuid de riaghailtean eaglaisean na Staide ri srian ’us diallaid Bhalaaim; oir ’sann leo so a tha na ministearan a’ marcachd air muin an t-shluaigh. Chomaisinn iomsgairidhean na’n eaglaisean ud ri bat an fhaidh, leis an do pheanasaich e ’asal; oir tha e soilleir, an uair a chlisgeas Criosduidhean bochd a leith-taobh, agus a shineas iad ri smuaineachadh air an son fein, agus nach geill iad do na raighailtean ud uile, gu’m fuilig iad air a shon, ma dh’ fhaodas an cuid luchd-iuil. Agus ciod air bith cho dearbhta ’sa bhios iad ’nan inntinn fein mu fhirinn am beachdan, agus an coinseasan, coslach ris an aingeal ’nan seasamh ’nan rathad, is coma’ leis na faidhean a tha a riaghladh thairis orra—feumaidh iad fulag airson an danadais ’san easumhlachd. Tha an sluagh a tha geilleadh do thraillealachd eaglaise, coslach ri asal an fhaidh; oir ged a tha iad a’ gearan air an droch caradh, tha iad fathast aig aideachadh am maighstirean, agus a radh, Nach sinne ’ur n-asailean-sa? [TD 67] Tha caochladh seorsan de’n t-shluagh a tha coslach ri asal an fhaidh. Tha cuid a chlisgeas an tra-s’ ’sa risd, agus a chronaicheas caothach na’m faidhean, ach gidheadh tha iad a’ mairsinn fo’n smachd, agus a giulan an cuid eallaich—Dheth an t-sheors so tha iadsan a tha do ghna ag eigheachd a mach an aghaidh claonaidhean eaglaisean agus coirean mhinistearan, ach a tha aig an am cheudna a’ geilleadh do gach foirneart a tha iad a’ deanamh orra; tha iad so nan asailean gleadhraich, ach gidheadh na’n asailean trailleil. Ma thogas an cuid marcaich an cuid slatan ’us batan agus an geur-bhagradh car beagan, bithidh iad ealamh gu deanamh an leisgeulan agus gu pilleadh chum umhlachd dhoibh, agus canaidh iad, “Nach sinne ’ur n-asailean-sa?” ged a tha fhios aca gu’m bheil an cogaisean, mar an aingeal, ’gan clisgeadh. ’Sann leis an t-shrian, an diallaid, ’s am bat ud a tha uachdranachd na Cleire air a cumail a naird; oir ’gan easbhuidh cha’n urrainn iad marcachd a dheanamh. Nan robh an sluagh cumant’ aon uair air gabhail nan sgribturan amhain mar an creud, cha bhiodh aig a Chleir ni’s mo de dh’ uachdranachd thairis orra na a choisneadh an deagh sheirbhis ’san caitheadh beatha dhiadhaidh dhoibh. Bhiodh iad a reisd fo chomain a bhi na’n luchd-cuidich air aoibhneasan Chrioduidhean, agus gun a bhi ni b’ fhaide nan tighearnan air an creideamh. Tha iadsan a tha ’tuigsinn an Tiomnaidh Nuaidh a’ diultadh uile uachdranachad tharis air an coinseas- [TD 68] an, ach tighearnas Iosa Criosd; ach airson chaich tha iad mar a bha asal an fhaidh, a’ guilan ministearan sanntach, gionail gu sireadh airson beartas ’us urram dhoibh-fein, agus ag radh riu “Nach sinne’ur n-asailean-sa air an do mharcaich sibh a riamh bho’n uair bu leibhse sinn.” Cha b’ urrainn duil a bhi aig neach ri cainnt ni b’fhearr bho asal. Is truagh gu’n leanadh creutairean reusonach air bith a h-eisempleir.—’Nuair a tha daoine air an toirt gu cuir an ainmean ri ciod air bith a dh’orduicheas luchd iuil eaglais dhoibh, nach e so a bhi ’toirt orra ’bhi ’cuir an ceill cainnt asail an fhaidh, “Nach sinne t-asailean-sa.” Thug mi fainear a roimhe gu’m bheil ministearan a’gnathachadh chreudan ’san eaglais ’san aon doigh ri diallaid ’us uidheam asail Bhalaaim—gu cumail chaich fo smachd dhoibh, a chum gu’n suidh na marcaich socrach. Bheir mi ’nis mo reasonan air a shon. Tha so soilleir oir tha iad a’ cumail nan srianan ’nam laimh fein, agus a’gabhail coir air an uidheam so a chuir air uile luchd-oifig a tha iad ’a leigeadh a steach do’n eaglais. Cha’ne na h-uile fear a tha air a mheas na bhreitheamh air mar a’s coir diallaidean a chuir air an leithid a dh’asailean. Ged air bith cho uidheamaicht ’sa bhitheas fear teagaisg airson foghlium a chinneadh-dhaoine, ’us ged b’ e roghainn co’thionail, cha’n fhaigh e ’chead a steach gu’n teagasg gus an geill e gu h-iriosal do luchd riaghlaidh na h-eaglaise, ’s gus an abair e, “Nach mise t-asal-sa?” A thaobh nach robh [TD 69] aig an t-shluagh chumant a riamh lamh air bith ann an cuir ri ’cheile nan creudan ’s nan riaghailtean so, no an aont a riamh air iarraidh dhoibh, tha e soilleir gur ann a mhain airson feum do mhinistearan a bha iad air an deilbh. Tha e dearbht nach ’eil iad a’ ciallachadh leo ach diallaid gu marcachd oirre; oir cha’n’eil an creudan, ’san teagasg, ’san caitheadh beatha ’cordadh ri ’cheile idir. Tha aon ni cinnteach gu’m bheil an cuid creudan mearachdach, air neo gu’m bheil an cuid searmonan mar sin ’sa chumantas. Leis so tha e soilleir nach ’eil an cuid creudan feumail dhoibh ach mar a bha diallaid asail Bhalaaim, an uair a runaich e a dhol a mharcachd. Crochaidh iad a seachad iad gus am bi aca asail air choreigin gu dhiallaid’chadh.—Co’dhuinidh mi ’nis le toirt fainear, gur gann duine a tha a’ gabhail air a bhi na fhaidh—na mhinistear, nach faigh pailteas de dh’asailean ’am measg an t-shluaigh gu freagairt fheum, a run, a mhiann, ’sa thogradh. Ged a tha Balaam ’us asal marbh bho chian iomadh bliadhna, gidheadh tha an sliochd gle lionmhor. Ach co a smuainicheadh gu’m faighear aon dhiubh ann am Breatuinn a tha fo ainm tir na saorsa? Gidheadh is fior a ta e, gu’m bheil moran fhaidhean feallsa, agus moran asailean, anns an righeachd shaor so. Eadhon, an so gheibh sinn pailteas do thraillean: an so gheibh sinn luchd-fearuinn shaor a’ giulan eallaich mar asailean—mar thraillean, coslach ri Issachar, tre’n [TD 70] leisg fein ’san easbhuidh spioraid: ’an so gheibh sinn muinntir a tha air toirt thairis an saorsa ’sa tha ’co’chumadh ri creudan dhaoine eile an ceart aghaidh an coinseasan, airson socaire fheolmhoir ’us beagan de bhuannachd shalach an cois am bheil mallachd na flaitheanais: an so gheibh sibh oifigean air an odruchadh le ughdaras eaglaise gu briseadh spiorad asailean smiorail, agus sin fo riaghladh mhic Bhalaaim, aig am bheil ’an gleidheadh gach inneal a tha freagarach airson an cumail fodha. Ann am Breatuinn gheibh sibh cuid fo eallach chisean, cuid fo eallach chreudan, agus cuid eile fo eallach mhionnan ’us bhoidean; agus air muin na’n eallaich so, tha an comhnuidh cuid de chlann Bhalaic no de chlann Bhalaaim na’n suidh gu riaghladh na’n asailean so; agus a tha na creutairean bochd so, aig na h-uile bagradh a bheir an cuid maighstirean ain-tighearnail dhoibh an deigh beagan clisgidh, a’ pilleadh agus ag radh, Nach sinne ’ur n-asailean-sa, air an do mharcaich sibh a riamh bho ’n uair bu leibhse sinn? Ach sguiridh mi do chuir tuilleadh ris so, mus bi mi a’ pianadh cuid roimh an am. Slan leibh. [TD 71] SEARMON III. GEN. xviii. 28.—Agus thuirt an Tighearn, ma gheibh mi an sin da fhichead agus cuig, cha sgrios mi e. BU truagh am baile anns nach fhaighear an aireamh so de dhaoine ionraic; agus gidheadh, tha mi ’am barail gur gann baile air an taobhs’ de’n Ierusalem Nuadh anns am bheil 45 de dhaoine ionraic. Bheir mi a nis mo reusonan airson mo bharail so.—Agus, 1, “Tha duine ionraic na dhuine a labhras an fhirinn bho na chridhe, agus cha’n innis e breug.” “Cha labhair e tuaileas, ’s cha tog e droch uim-radh an aghaidh a nabuidh.” Tha eagal an Tighearna air, agus tha gaol aige dhoibhsan air am bheil eagalsan. Cha ghabh e brib air bith gu fiaradh ceartas, ’s cha tionnd e am bochd a thaobh bho a choir. Cha mho a thairgeas e brib. Tha e truasail trocaireach, coslach ri ’Athair a ta ann am Flaitheanas. Tha a chobhair cho ullamh ri a thruas, cho fada ’sa ruigeas a chomas. Tha e caoimhneil ri a chairdean, ’us seimh ri a naimhdean. ’Nuair a bhios aon de a cho-bhrathrean air fas bochd, ni e a dhichioll gu fuasgladh air. Cha chan e, Bi thusa air t-eideadh, air do bhlathachadh, ’s air do bheathachadh, gun dad air bith a thoirt d’a; ach cuidichidh e gu luath e. Cha toir e pian dhoibh-san a ’s urrainn e a chuideachadh, le’n cuir gu eigin chruaidh gu iar- [TD 72] raidh cobhar air, ach sirridh e iad gu fuasgladh orra, mar a shir Criosd e-fein le a throcair. Tha ’n fhaireachdan dhomhain a th’aige air trocair bacaidh Dhe, a thearuinn e an uair a bha e ullamh gu dhol a dhi, a’ toirt air ruith a chum fuasgladh air na h-ainnisich cho luath ’sa chi e an eigin: tha beannachd an neach a tha ullamh gu dhol a dhi a’ tighinn air. C’ait am faigh sinn a leithid de dhuine? Anns a Chuirt cha’n’eil dad ach miodal ’us moladh breun breugach.—An sin is gann duine a labhras mar a smuainicheas e, no a ni mar a labhras e; tha am briathran gun fheum, ’san geallaidhean na’m fuaimean falaimh. Esan a chumas ris an fhirinn ’s na laithean so, cha’n fhada gheibh e a chead ait a chumail, ma dh’ fheudas luchd-nam-breug! Anns na h-eaglaisean fein tha na daoine ionraic ro ghann. Tiugainn, dh’ fheudadh gu’m faigh sinn 45 ionraic am measg na’m ministeran; oir tha iadsan ag aideachadh a bhi a’ teagasg na firinn. Ach mo thruaighe! tha sinn ni’s measa na ’bha sinn a riamh! Ma ’se bhi a’ cuir an ainmean ri Leabhraichean—aidich—creidimh, agus a bhi a’ teagasg ’sa bhi beo an ceart aghaidh sin an fhirinn, ’sa bhi ionraic, gheibh sinn ni’s mo na 45. Is co maith a reisd toirt tharis, agus co-dhuineadh le facal urnuigh—Gu’m b’ann a dheonaicheas an t-Uuile-chumhachdach dhoibh uile gras, agus breithneachadh, no faireachdain air cor na’m bochd, agus truas cridhe an ait a chruas cridhe a th’annta. Amen agus amen.