[TD 1] CO’-CHRUNNEACHADH DE DH’ ORANAN TAOGHTA: IOMADH DHIU NACH DEACH RIABH ROIMH AN ANN CLÒ. A COLLECTION OF THE MOST POPULAR GAELIC SONGS; INCLUDING A NUMBER OF ORIGINAL PIECES OF MERIT NOW PRINTED FOR THE FIRST TIME. GLASGOW: PUBLISHED BY DUNCAN MACVEAN. 1836. [TD 2] [Bàn] [TD 3] PREFACE. IN forming a selection of popular Gaelic Songs, it is the duty of an editor to take, not only the best of those already published; but also to preserve some of the many songs in circulation, which have never been printed. Of this description there are still many valuable productions of the Celtic muse, which have escaped the hands of our numerous collectors. Twelve of these are now preserved in this little book; and it is hoped that their own merit will be their best recommendation. Most of them have been known, and admired in the Highlands, for more than fifty years: but the lament for M‘Cruimen, is of a much older date. The songs in this collection are carefully printed from the best copies that could be obtained; and several of them have been purified from the numerous errors which rendered them nearly unintelligible in our old collections—where the transcribers were sometimes so ignorant, that they put two lines in one. The fine old song, Cuir a chinn dileas, was one of those printed so very incorrectly, that no modern selector ventured to reprint it. It is now restored; and the chorus is added for the first time. Macdonald’s Banarach Dhonn, is given from the original edition, printed in 1776, from the author’s MSS. The modem copies of this popular song are mostly all taken from a very bad copy, with three spurious verses, printed by Gillies in 1780. The beautiful song in praise of Morror, by the same author, is now given more correctly than any former copy; with three new verses, added, from the recitation of the author’s grandson, the late Allan Macdonald of Laig, in the isle of Eigg. The song by the eminent poetess, Mary M‘Leod, is also greatly improved in this copy. This wild and beautiful production was composed during her residence in the rugged, rocky island of Scarba. It is said that this poetess lived till the age of 105 years. Some notices of the Highland bards have been collected, but they cannot be inserted in a short preface. [TD 4] We cannot, however, pass over Kenneth Mackenzie, of Strath-na-Sealg, Ross-shire; he was the grandson of William Mackenzie of Lochcarron, whose beautiful song, ’S Cianail maigne, &c. is in this collection. Kenneth wrote the two songs at pages 21 and 25, on the same girl, who was his own servant; he also wrote some other good songs, of which we have not been able to procure copies. Mr Mackenzie died about the year 1830. The author of the humourous dialogue between Raghal agus Caristine, is not known; but the piece was frequently performed in character, by two packmen, who travelled in the Highlands: one of them performing the part of Carastine, in women’s clothes, to the great delight of the audience. The original pieces now first printed, are, the first seven, and the last five in this book. Many of the other pieces are greatly corrected, and improved: the former copies being frequently inaccurate; and sometimes defective. GLASGOW, Sept. 21, 1836. [TD 5] ORAN LE DONNACHADH MAC-RATH. (DON GOIRTE GU COITHEAN, DONNACHA, GLAS MAC-DHONUILL BHUIDHE;) MAR GUM B’ANN EDAR E-FEIN AGUS FEANNAG, A CHUNAIG E ANN AN DUN-EIDIN. Am fior thoiseach na miosa, Gum b’e di-ciadain an latha; Bha mi muladach cianal, ’S cha robh miagh air mo lethid. Air an tulaich a b’aìrde, Gun robh mi ’n trà sin a g-amharc; ’S thainig feanag na tragad, A’s shuidh i mhan bhuam, air leth-oir; Ach bha i sean. Labhair ise sa’ chanan sin, Mar bu ghnathach le lethid; Le ciad furan a’s failte, ’Si cuir a cairdeas an ledhad,— “A faod mise thigh’n lamh riut, Gu mo ghaelig a labhairt? ’S gheobh thu ’n naigheachd is fearr leat, Air muinntir Ghearr-loch ’s air t-athair; Ged tha e lag.” ’S ioma’ feanag a’s faolag, Tha ’n Loch-Bhraoin a’s an Gearr-loch, Tha ri tional na cise, Air na raointean an drasda: Cha chreid mise bhon t-shaoghal, Gu b’eil a h-aon diu cho bàth riut, An uair a thainig tu ’n taobh-sa, Gu dhol a dhi air na sraidean; ’Snach eil iad pailt. “’M b’eol dut-sa ’n te ghlas, A bh’ann an clachan na craoibhe? ’Sa chraoibh phlentri chăis A rinn Mac-a-Pherson dhireadh; Far an dh’fhag mi na h-uidhean, ’S rinn mi suidh’ air an aonach, ’S t’dhuirt thu fein ris a ghaolaich, E ga fagail gu faodadh, Nach robh iad glan.” [TD 6] Ciad failte dhut fheanag; Sann dhom-sa b’aithne do sheorsa, Faodaidh tu tigh’n nis dàine, Mas ann a Gearr-loch a sheol thu, Innis dhomhsa gu h-athghearr, ’M b’eil an sgadan ’sna h-òban? No co’n loch anns am pailt e, Edar Asaint a’s Cnoideart; No b’eil e ac? “Bha began ann an Loch-Bhraoin deth, Ach thug e sgaomag do Ghearr-loch; ’S ann ma dheas tha e daonnan, ’S chan eil pris aír a’s feaird iad. Tha na Gaill ann cho pailte, ’S gun chuir iad as do na Gaidheil, Cuir na lian feagh an latha, ’S be sid fasan na graisge; Bha tigh’n fad as.” ’M bheol dut saighichean Leoghais, Na robh moran sa bhagh dhiubh? Daoine tapuidh deas crodha, A bhios na leoghainn ’sgach aite. Sann leam fein gum bu sholas, Gu faicinn coignear dhiu’n drasda, Siad a seoladh gu Libhte ’S dh’fhalbhain fein leo maireach; Gu dhol air m’ais. “Gu faca mise Mac-Iobhair, ’S gum bu ghniomhach a ghabhail, ’S maister Moriston, sios bhuam; Sa long cho dionach ri Saigheach: Da Mhac Leoid agus Cricton, Ann an glasadh an latha; Agus Iain òg Mhaoilidh, An gille maoireanach flathail, Sa gile math.” Gu’m beil fear eil’ ann nach ceil mi, Do dheagh shloinneadh mo Sheannamhar; Cha b’e dh’fhagain air dheireadh, Agus Coinneach mar ainm air: Duine fuigheantach, furanach, Gle churanta, meanmnach, [TD 7] Ge be reachadh ga chuireadh, Cha b’ann da bhunig a’s fearg air, Le lainne ghlais. “’M be sin Coinneach Mac-Dhónuill? ’S math a b’eol domh an duine, Bha mi tional mo sgrobain, Aig a sheol-ait’ an uraidh; Gu’n robh’ shearrag na dhorn, ’S e toirt an leor do gach duine, ’S e sior fhaoighneach ri sheoladairean An oladh iad tuile. Den Bhranndai theth.” Struagh nach robh mis’ an Steornabhaidh, Air cho dolum ’s ga b’eil mi; Ged a bhìdhinn gun stòras, Na mo phoca cha cheilin: Gum b’eil mnathan ro choir ann, A bheireadh dhomh-sa gun deireas; Gheobhain drama ri ol bh’uath, Anns na seomraichean soillear, ’S rud na chăr. “Ach nach tus a tha bàth ’Nuair tha thu thamh ann san talamh-s; Agus pailtead do chairdean, ’S nach grain leo t-fhaicinn? Chan eil baile ’san tamh thu, Edar Gearr-loch ’sa Bhrachlach, Anns nach faigh thu cosg tratha, Far am baghaich an sgadan, Gum bi rud ac.” “Cha b’ ioghna’ mise bhi m’ eìgin, On a threìg mi mo thalamh, ’Snach faigh mí mir beigh so, Le cin beurla gu cheannach: Mas eol dut duine ’n Dun-Eidin, A bheir deirce dha’n fheanaig; ’S mithich teannadh ri cheile, On tha sinn feumach air drama, De mhac na-bhrac.” Cha’n eol domh duine ’m beil iochd ann, Ach an Siosalach daimheal; An deagh ghille, neo sgrubach, A bh’aig Tighearna Ghearr-loch: [TD 8] Chosg e riumsa deich tastan, Gu chuir a mach an stuth laidir; ’S cha do ghabh e air ais diubh, Fuigh an rapair dhiu’ ghrainnd, No dad sam bith. “’S còir a nise bhi triall, bhuat, Air mo sgiathan san athar; On tha duil am mas tamh mi, Gum bu mi Gearr-loch fo latha: Bidh mi g-innse mar tha thu, Dha do mhathair ’s ga t-tathair, ’S don chuid eile de’d chairdean, Le gira-giu gu-geau, Smo shoiridh leat.” FAILTE NA CUTHAIG. LE ALASDAIR GRANND. BARD MÒR AN T-SLAGAIN. Luinneag. Hillirinn a ’s hò-rŏ hū-o, A chuthag chul-ghorm ’s binn do dhuan, Hillirinn a’s hò-rŏ hū-o, A chuthag chul-ghorm ’s binn do dhuan. ’S beathach sealbhach thu gu dearbha, Ni thu dearmad air an-uair, Coluath ’sa thig thu nar fianais, Thig an tioralachd gun ghruaim. On thainig toiseach a Mhàighe, Thig iomadh ailteachd nar còir; Eiridh grian oirn, teas a’s mialtachd, ’S cha bhi siaban ma nar sroin: Cathag grannda theid a phlaigh air, Se ni’s fearr a tha tigh’n oirn, Bliochd a’s dair, as gruth a’s barr, ’S gach lus a fàs fo ain nan neoil. Hillirinn, &c. ’Nuair chuala mi ceol na cuthaig, Rinn mi suìdhe ’s mi leam fhin; Chuala mi gur aite seasgair, Anns na sheas i ris an t-shìn: Dh’ fhag i cota steach na seomar, ’S i gu sporsail a cuir dhi; Shein i ri cluiach as a leine Sin ’nuair thig an spreìgh gu spid. Hillirinn, &c. [TD 9] ’Nuair chunnaig i mi ma coinneamh, Shin i ri goireal ni’s dlùith’, Cha chreid mi nach d’thug i barail, Gun deanain dh’i rannachd ur. Sheinn i sios bhuam ’s teile suas bhuam Air gach cluas domh le gug, gùg. Failt’ a’s furan do’n ian Shamhruidh, ’S boidheach leam fein srann do chiuil. Hillirinn, &c. “On a chuir thu ormsa failté, An naigheachd is fearr leat thoir dhiom, ’S gheibh thu i air bheagan daileach; Faic an aird am beil a ghrian: Ann sa bhadan sin tha lamh riut, Fiàr a fàs ann agus sliabh; Am beathach nach eirich gun lamh ris, Fo cheann raithe t’dheid e fiadh. Hillirinn, &c.” “Thig tuile fortain mas falbh thu, ’S deagh sheannachaidh thu tha mi ’n duil; Chi thu na raointean fo arbhar, ’S iad a fas gu tarbhach dlù: Iasg na fairge bha cian aimsear, Am poll falachaidh ’s e gun lugh; Sinidh e ri leum an airde, Mas can mise an dara gùg. Hillirinn, &c.” “Na cuir umhail gur e bréug e, Chi thu-fein e le do shuil; Faic a choille, mar a dh’fhàs i, Bha cho dubh ri pairt an t-sùith. Bha ri fuarachd na croinn dhuanaidh, ’S iad gun dreach, gun snuadh, gun driuchd— Faic a nise mar a dh’ fhàs iad, Uaine, dreach-mhor, sam barr cùr’!” Hillirinn, &c. Tha mi faicin sin sa claisneachd, Tuitidh ’m barr sin dheth na gheig; ’Se rud bu mhath leam thu raite, Ciod an t-aite an robh thu fein? Bha thu samhach dheth do chanan, Fad thri raithean a’s leth te; [TD 10] Thana’ tu ’n toiseach a mhaighe, As chluith thu do mhannran fein. Hillirinn, &c. “Na bi feoraich sin an drasda, Thig gach rud na dhamhar fein; Thu gach creatair mar a dh’ fhagadh, Ach thusa ’s do bhraìthrean feín. Tha mi beo an aite cònaidh, Gun airgead, gun òr, gun spreigh; Cha d’theid mi seachad air m’ ordu, Tha mi faighinn lon gun fheich.” Hillirinn, &c. Cha ’n ionan ’s ma dheirich dhomhsa, A bheathaich bodhaich ’s mor do cheill; Cha’n eil fios a sean na òg thu, ’S taitneach do chòradh ’s tu fein. Tha thu nise dol da m’ fhagail, Thig thu marach math-a-dheut; Innsidh mi air feagh gach duthaich, Gur ian ro shùghar thu-fein. Hillirinn, &c. AN NIGH’N DUBH GHUANACH. LUINNEAG. Ho rò, mo nigh’n dubh ghuanach, Ho ri, mo nigh’n dubh ghuanach, Mo nigh’n dubh, chruinn dubh, ghuamach, ’S mo luaigh air an nighin duibh. Gur bliadhna leam gach là Gus am paidheir an Fheil-martain, ’S gu ruig mi Ceann-an-t-saile Far an dh’fhag mi mo nighean dubh. Ho rò, &c. Gur tusa dh’fhas neo-chearbach, Falt dubh a’s gruaighean dearga; ’S gur mi nach d’ rinn an dearmad, ’Nuair shealg mi mo nighean dubh. Ho rò, &c. Air Gáeldachd, no Galldachd, Cha ’n fhacas coltas m’annisachd, ’S Gur ioma fear a sheall Air a cheann aig mo nigh’n duibh. Ho rò, &c. [TD 11] Smi cuir an chruidh na bhuala, Gun bheachdaich mi do ghluasad, ’S gun robh mo chàs ro chruaigh, Gus an dh’fhuair mí mo nighean dubh. Ho rò, &c. An uaír a thig an samhradh, A’s damhaír na sgoil-dannsa, Ged chosg mi seice gamhna, Gu cuir mi ann mo nighean dubh. Ho rò, &c. MORAG. LUINNEAG. A Mhorag mar dean thu tighinn, ’S neonach do bhruidhinn leam: ’S bronach mi mar a d’thig thu, ’S tu cho tric a tigh’n fo m’ uidh. A Mhorag bheag na miog-shul, Cha ’n eil mis air thi do mheallaidh; Cha robh bain’ ad chiochan, Ge b’fhada dh’ fhuirich thu sa’ ghleann: Ged a bha mi sinte riut, Fad na h-oidhche, gus a mhadainn; Riamh cha dh’ fhiosraich thu do bharail, Gun robh m’ aigne dhut am foill. A Mhorag, &c. Ge bu leam sa stòras, A mheud sa tha dh-òr aig righ Sasghuinn, Bha mise cho gòrach ’S gun liubhrainn seachad e san àm: Air son bhi gad phogadh, Sa bhi còradh riut am laidhe Mi gad chriodachadh na m’ asgail, Mo lamh tharad ’s tu rium teann. A Mhorag, &c. Sdireach deasa dh’ fhas thu, T-aghaidh nàrach, mhalda, bhanail; ’Gruaidh mar ròs a’ gharaidh; Da shul mheallach ann ad cheann: Slios mar shneachd an fhàsaich, Do bheul grinn is binne chanas; Tha thu briathrach, ciallach canach, Caoineal, caranach, gun sgraing. A Mhòrag, &c. [TD 12] Fhuair mi litir sgriobhta Gu dhol a dhaoineachadh do gheallaidh; ’S shaoil leam gum bi ’n fhirinn; A bheir a deachdadh le do pheann: Dh ’fhalbh mi air an sgriobh sin, An caoineamh posaidh riut a’s ceanghail, ’S t’dhuirt thu nach deach’ gad air gealladh, Gun robh leannan agad thall! A Mhòrag, &c. Nis on chuir thu cul rium, ’S nach’ eil stath dhomh’ bhi ri geran; ’N aite bhi ri tūrsa, ’S ann bhios mi aitheàrach san àm, Gheobh mi bean am dhùthaich, Tha mi ’n duil a bhios cho math riut, Gam bi cairdean agus fearann; ’S nach bi mearachdach na caint. A Mhòrag, &c. AN NIGHEAN DUBH. LE IAIN DINGEAL. A nigh’n dubh nan gruaidhean craobhach Bha uair gu’m bu bheag a shaolinn, Gu’n caidlin ann oich’ as t-aonais, Chaidh sid aog a’s chaochail e cruth. Tha thu suarach umam an diuth, Ged bha uair bu thoigh leat mo guth; Tha thu suarach umam an diugh. Nuair a bha sinn anns na gleantaibh, ’Cuallach a chruidh laoigh mun mhàinnir, Shaol mi fein nach robh air thalamh Fear a mhealladh a chinn duith. Tha thu suarach, &c. A thè sin a tha aig na gamhna’, Bha mi uair is bu mhor mo gheall ort; ’S gil’ thu na sneachd’ air na beantaibh, Ann san am a biteadh ga chur. Tha thu suarach, &c. Tha mi lag, ged bha mi laidir, Tha mi sgith gu siubhal fasach; ’S gur e thug mo chridhe mhan, Ro mhiad a graidh a bharaig mi dhut. Tha thu suarach, &c. [TD 13] Tha do chneas cho gheal san faolag, Do gha gruaidh cho dearg ’sna caoran; Suilean meallach, gorm, na t-aodann, Mala chaol, mar ite ’n lon duith. Tha thu suarach, &c. Tha thu boidheach, tha thu loinneal, ’S duilich leam gu’m beil thu foileal; ’S binne thu na guth choillich-choille, Anns an doire an goireadh e moch. Tha thu suarach, &c. Is trich a bha saill air sean each, Agus puisean ann an glainne, Amhuil sin as gaol mo leannain, Mar chop geal air bharraibh nan sruth. Tha mi suarach umad an diuth, Ged bha uair bu toigh leam do guth. THROD MO BHEAN ’S GUN THROD I RIUM. LE IAIN DINGEAL. Erich suas a bhean mo ruin, Tha rud agad tha mi’n duil; ’S na ’n d’thugadh tu botal duin, Bhi’dh sinn sùgach sŏganach. Throd mo bhean ’s gun throd i rium, Mar bhodach nach togadh fonn; ’S on nach b’abhaist di’ trod rium; Throd mi chiunn gun throd i rium. Dheanainn cur a’s dheanain buain, Dheanainn rudhar ri la fuar; Bhuaineinn moine thioram, chruaidh, ’S bean gun bhuaidh a throdadh rium. Throd mo bhean, &c. Thogainn taigh air làraich luim, A’s gheobhain rud a chaithinn ann; Dheanainn sùgradh ’s thogainn fonn, ’S churinn geall nach bodach mi. Throd mo bhean, &c. Mharbhainn breac air linne bhuirn, Mharbhainn earb’ ann am preas dlù; Mharbhainn fiagh air mullach cuirn, ’S bean gun sùgh a throdadh rium. Throd mo bhean, &c. [TD 14] ’Se ’n cleachdadh a bhágam riabh, Choisinin ’s chaithinn gu fiall; Fear a tighinn, ’s fear a triall, ’S cha b’e miann a bhodaich sid. Throd mo bhean, &c. Saol thu nach b’i bhean gun chéill, ’Nuair a throdadh i rium fein? ’S dar a reagh na fir air ghleas, Dhearbhainn fein nach bodach mi. Throd mo bhean, &c. Sheasainn fear an taigh an òil, ’S fear ann an cosgairt dhorn; ’San uair nach deannainn ach a choir, ’S gorach leam a throd i rium. Throd mo bhean, &c. ’S lionmhor sonas, thig air daoidh, Agus doilgheas thig air saoigh; ’S cha bhi mi toilicht’ a chaoidh, On t’dhuirt mo mhnaoi’ am bodach rium. Throd mo bhean, &c. DUANAG GHAOIL. Tha mo run air a ghille, ’Se mo dhurachd gun d’thig thu; ’S mi gu siubhladh leat am frieach Fo shille na fuar-bheann. Iain’ nan innseadh thu n’ firinn, Cho math sa leughas tu ’m Biobal; Gun daor a cheannaich mi fein thu, Nan inseinn na fhuair mi. Ach gur e mo cheist an t-oig’ear, Fear chul duinn s’an leadain bhoidhich; ’S mi gu siubhladh leat thar m’ eolas, Ged tha ’n cŏta ruadh ort. Smor a thug mi gaol do’n fhiuran, Tha mach a teaghlach Chill-Iunnduin; Sealgair feidh thu, m’ beinn a bhurai’, ’S eilid lu, na ’n luath-chas. Ged tha bla na bric na t-aodan, Cha do laodhaich sid mo ghaol ort; ’S mi gu’n siubhladh leat an saoghal, Na saolainn do bhuanachd. [TD 15] Phosainn thu dh’aindeoin mo chairdean, Gu’n toil m’ athair, no mo mathair; Iain, saor a tha mi g-aireamh; On se chnaimh an gruag dhiom. Tha’n nolaig a tigh’n as ur oirn, Ge do tha, gur beag mo shurd ri; ’M fear nach fagadh ann sa chuil mi, Air chul na’n tonn uaine. ’S beag a shaolin fein an uridh, Gu’n treigeadh tu mi cho bulàch; Mar gu’n tiligeadh craobh a dùileach; D’fhas thu umam suarach. MO CHAILIN DILIS DONN. Gu ma slan a chi mi, Mo chailin dilis donn; Bean a’ chualain reidh, Air an deise dh’eireadh fonn; ’Se caint do bheol bu bhinn leam, Nuair a bhidh m’ inntinn trom, ’S tu thogadh suas mo chridh’ Nair a bhidh tu bruidhinn rium. Gur mulladach a ta mi, ’S mi nochd air aird a chuain, ’S neo-shunndach mo chadal domh, ’S do chaidridh fada bhuam; Gur tric mi ort a smaointeachd; As t-aogais tha mi truagh; ’S mar a dean mi t-fhaotain Cha bh’i mo shaoghal buan. Suil chorrach mar an dearcag Fo’ rosg a dh’ iathas dlù; Gruaidhean mar an caoran, Fo ’n aodann tha leam cuin Mar d’ aithris iad na breugan Gun d’ thug mi fein dut ruin; ’S gur bliadhna leam gach la’ On uair a d’fhag mi thu. Theireadh iad ma d’ fhalbh mi uat, Gu ’m bo shearbh leam dhol ad choir; Gu do chuir mi cul riut, ’S gun dhiult mi dhut mo phòg. Na cuireadh sid ort curam, A ruin—na creid an sgleo; [TD 16] Tha t-anail leam na’s curaidh, No’n druichd air bharr an fheoir. Tacan mu’n do sheol shinn, ’S ann a thoisich cach Ri innseadh do mo chruinnaig-sa, Nach tillin-sa gu brath. Na cuireadh sid ort gruaimain A luaidh; ma bhios mi slan; Cha chum dad idir bh’ uat mi, Ach saighead chruaid a bhàis. Tha moran do luchd aimlisg, ’Sa sheanachais an droch sgeoil, An chridheachan mar phuisean, Cha chuimhnich iad air choir; Ach na creid an sgeula; Ma gheibh an chleir oirn còir, ’S ma d’fhanas sinn o ’cheile, ’Si n eigin a bheir oirn’. Tha ’n snaim a mise ceangailte, Gu daighean agus teann; ’Se their luchd na fanaid rium Nach eil mo phroaid ann:— ’M fear aig am beil fortan, Tha crois aige na cheann, ’S tha mise taingeal, tolichte, Ged tha mo sporan gann. MALI BHEAG OG.* Nach truagh leat mi ’s mi ’m priosan, Mo Mhali bheag og, Do chairdean a’ cuir binn’ orm, Mo chuid de ’n t-saoghal thu. A bhean na mala mine, ’S na ’m pogan mar na figuis, ’S tu nach fagadh shios mi Le mi riun do bheoil. * This beautiful song was composed by an Irish youth who fell in love with a nobleman’s daughter in the Highlands. Having received the lady’s consent, he eloped with her. Her two brothers pursued them on horseback, and found them on a Sunday morning in a glen, where they had passed the night;—the struggle commenced between the young gentlemen and the unfortunate lover; who had the inexpressible anguish of killing his sweetheart in the contest, with his own sword. He was then taken prisoner, and carried to jail, where he composed this heart-melting song a few days before his execution.—The second stanza, which was not in the copy formerly printed, is now given; and the song is now printed correctly, for the first time. [TD 17] Di-donaich anns a ghleann duinn, Mo Mhali bheag og; Nuair thoisich mi ri caint riut; Mo chuid den t-shaoghal mhor: Nuair dh’fhosgail mi mo shuilean, Sa sheal mi air mo chul-thaobh, Bha marchach an eich chruthaich Tigh’n dlu air mo lorg. ’S mise bh’air mo bhuaireadh, Mo Mhali bheag og, ’N’air ’thain an ’sluagh mu’n cuairt domh, Mo ribhinn ghlan ur: ’S truagh nach ann san uair ud, A thuit mo lamh o m’ ghualain, Mu’n dh’ amais mi do bhualadh, Mo Mhali bheag og. Gur boiche leam a d’fhas thu, Mo Mhali bheag og, Na’n lili ann san fhasach, Mo cheud ghradh ’s mo ruin: Mur aiteal caoin na greine Ann am madainn chiuin ag eirigh, Be sud do dhreach a’s teagais, Mo Mhali bheag og. ’S mise a thug an gaol Do mo Mhali bhig oig, Nach dealaich rium san t-saoghal, Mo nighean bhoideach thu. Tha-t’fhalt air dhreach nan teudan, Do ghruaidhean mar an caoran; Do shuilean, flathail, aobhach, ’S do bheul labhaird ciuin. Shiubhlain leat an saoghal, Mo Mhali bheag og; Cho fad a’s cul na greine, A gheug a’s ailli gnuis: Ruidhin agus leumain, Mur fhiagh air bharr na’n sleibhtean, Air ghaol ’s gu’m bithinn reidh ’s tu, Mo Mhali bheag og. ’S truagh a rinn do chairdean, Mo Mhali bheag og; [TD 18] ’N’ air thormisg iad do ghradh dhomh, Mo chuid dhe ’n t saoghal thu: Nan tugadh iad do lamh dhomh, Cha bhithinn ann san am so Fo’ bhinn air son mo graidh dhuit, Mo Mhali bheag og. Ged’ bheirte mi o’n bhas so, Mo Mhali bheag og; Cha ’n iarrain tuille dalach, Mo cheud gradh ’s mo ruin: B’annsa ’n saoghal s fhagail, ’S gu’m faicinn t’aodan ghradhach; Gun chuimhn’ bhi air an la sin, ’S na d’fhag mi thu ciuirt’. AN NIGH’N DONN A BHA’N CAT-THAODH. LE ALASDAIR SGOILEIR. Latha dhomsa siubhal bheann, Falbh gu teann eadar chreagan; Thachair orm a chruinneag dhonn, ’M bun nan tom, buain nan dearcag. Thogainn fonn, gun bhi trom, Air nigh’n duinn a bha ’n Cat-thaobh; Nighean og a chuil chruinn, Dh’eireadh sunnd orm re t-fhaicinn. Nuair theid mise thun na feil’, ’S e do bhreid a thig dhathaigh, ’S ribein ur aìr a chul, Bu leir-sul a bith ’g fhaicinn. Thogainn fonn, &c. Theid mi shios, theid mi suas, Bheir mi ruaig do Lochabar; ’S ged robh Rodhaidh air a chāl, Bheir sinn pairt don chrodh bhreac uadh. Thogainn fonn, &c. B’ fhearr leam fein na mile bo, ’S na tha dh’ or aig righ Sasghunn, Gu’m bithinn fhein ’s a chruinneag dhonn, ’M bun nan tom, buain nan dearcag. Thogainn fonn, &c. ’S tu mac-samhail na gil-ghrein, Moch a’ g-eiridh sa mhadainn; [TD 19] Nam biodh tu eider mo dha lamh, Laithinn teann ort san leabaidh. Thogainn fonn, &c. CRUINNEAG A CHRUIDH. FROM A COPY PRINTED IN THE YEAR 1777. A chruinneag a chruidh, tha mo gradh ort, Chruinneag a chruidh ’sa mhuineil ghil’, Dh’ fhag u fo liunn duth, gu brath mi; Chruinneag a chruidh, tha mo gradh ort. ’San sa’ bhail’ tha suas o’n chaisteal, Tha ribhinn na’m basa bana. Chruinneag a chruidh, &c. ’Stric a bha mi ’s tu ri sugradh, ’S a fhuar thu mo run le failte. Chruinneag, a chruidh, &c. Tha do bhian air dreach na h-aolin, Gruaidh mar chaoran, suil mar airneig. Chruinneag a chruidh, &c. B’ansa leam a bhi ga d’ phoga, Na bhi ’g-ol air fion na Spainte. Chruinneag a chruidh, &c. Ach mar faigh mi thu ri phusa, ’Smithich domh ’n duthaich faghail. Chruinneag a chruidh, &c. Theid mi do Ghlasgu nam buth, Shugradh ri nianagaibh Gallta. Chruinneag a chruidh, &c. Ged a’s maiseach iad le sioda, B’anns leam an ribhinn ’dhag mi. Chruinneag a chruidh, &c. Tha gach sochair tha mi mealtain, A call a’ blas, gun thu ’n co-pairt rium. Chruinneag a chruidh, &c. Tha gach solas tha san t-saoghal, As t-aogais, gun bhrigh, gun sta dhomh. Chruinneag a chruidh, &c. Ach ma chuir thu buileach cul rium, Gur i’ n’uir is aite thamh dhomh. Chruinneag a chruidh, &c. [TD 20] Tha mais’ ann do ghnuis ri fhaicinn, ’Seagal leum thug acaid a bhais dhomh. Chruinneag a chruidh, &c. NIGH’N DHONN NA BUAILE. A nighean donn na buaile, Gam beil an gluasad farasda; Gu ’n d’thug mi gaol co buan duit, ’S nach gluais e air an Earach so. Mheall thu mi le d’ shugradh, Le d’ bhriodal a’s le d’ chiuine; A’s lub thu mi mar fhiuran, ’S cha duchas domh bhi fallain uaith. Do chul donn daite an ordugh, Gu bachlach, boidheach, camagach, T’ aghaidh fhlathail, chomhnard, Mar ite ’n eoin do mhalaichean, Da shuil chorrach, mhiogach, Rosg glan a’ cumhail dionn orr; Do ghruaidhean meachair, mine, Do phog mar fhiogaish mheanganan. Mar reul a measg an t-sluaigh thu, Nam gluasad a chum tionalaidh; Cha tugadh Bhenus buaidh ort, ’S ard thug do shnuadh-sa barrachd orr: Chit’ am fion a’ dealradh, Ann am dol sios tre d’ bhraghad; Gur math thig siod’ ’n caramh, Mu mhuinneal ban na h-ainnire. Do sheang chorp, fallain, suntach, Nach do chiurr an an-shocair, ’N uair rachadh tu air urlar, Bu luthar ann sna caraibh thu; Le calpannan deas, boidheach, Cruinn, cumadail, neo lodail; Troigh chruinn an am broig chomhnaird, Nach toir air feornan carachadh. Do bheul o’m binn thig orain, Ceol agus ceileirean, Gur binne leam do choradh, Na smeorach air na meanganan. O ’n chuir mi ’n tus ort eolas, [TD 21] Gun d’ thug mi gaol co mor dhuit, ’S mar faigh mi thu ri phosadh, Gu ’n cuir do bhron fo’n talamh mi. Na ’m b’ e ’s gum biodh tu deonach, ’S gum posamaid an ath-ghaoirid, Cha ’n iarainn leat do storas, Ach comhachda na banaraich. Ge b’ leamsa an Roin-Eorpa, ’S America le mhor shluagh, Na ’m faighean dhomh fein coir ort, Bu leat gach stor ’s gach fearann diu. A ghaoil na creid droch sgeul orm, Ge d’ robh luchd bhreug a labhairt riut; Tha m’ inntinnse co reidh dhuit, ’S nach bi aon seud ann an-fhios duit. Ge d’ their iad riut le boilich, Gur beag leo mo chuid storais; A chaoidh cha churam loin duit. T’ san righ cuir seol air aran duinn. MAIRI DHONN THORRA CHAISTEIL.* LE COINNEACH MAC COINNICH, SHRA-NA-SEALG. LUINNEAG. Mhairi dhonn, bhoidheach dhonn, Mhairi donn ’s mor mo thlachd dhiot; Thogain fonn gun bhi trom, Air nighin duinn Thorra Chaisteil. Gu’m bu slan do’n mhaighdin oig, Tha gu stolda na cleachdaibh; Tha gu fiosrach, tairis, tla, Tha gu maranach, macanta. ’S gile nan sneachda do bhian, ’S fallain, sgiamhach do phearsa; Gun i cudthromach, na caol, Beathail, eatrom, gun ghaiseadh. ’S ann ort fein a d’fhas a’ ghruag, Tha na dualaibh gu cleachdach; Clannach, dlu, gheibh i cliu, Miann gach sul bhi ’g a t’fhaicinn. Aghaidh fhlathasach gun sgraing, ’S e do shealtuinn tha taitneach; Suil chorrach fudh ’n mhala chaoil, Gorm air aogasg na dearcaig. [TD 22] ’S glan an ruidhe tha na d’ ghruaidh, Boidheach, snuadh-mhor, gun ghaiseadh; Tha thu eireachdail gu leoir; Co tha beo nach gabh tlachd dhiot? ’S beinn leam ceileirean do bheoil, Gabhail orain gu taitneach; Do ghuth mar smeoraich sa choill’; ’S tric thu seinn aig a Chaisteil. Bha mi greis an deas ’s an tuath, A’ measg ghruaighaichean tlachd-mhor; Ach aon idir a thug barr, Ort a Mhairi cha’n fhacas. Gu’m fhaic mise thu aig fear og, Dha’m bi storas, a’s pailteas, Spreidh a’s fearann agus fonn, ’S cridhe connmhor gun airceas. Bitheadh do thigh agad le muirn Air mo cheanns’ anns an fhasan, Mu thig mi idir na choir, Cha’n ann beo theid mi seachad. Tha do chairdean lionmhor, treun, Dheanadh feum anns na batail; Friosalaich an aird taoibh tuath, ’S math gu bualadh nan glas-lann. MOLADH NA H-OIGHE GAELICH—LE U. ROS. A Nighean bhoidheach An or-fhuilt bhachalaich, Nan gorm-shuil miogach, ’S na min bhas sneachda-gheal; Gu’n siubhlain reidhleach A’s sleibhtean Bhreatain leat, Fo earradh sgaoilte De dh’aodach breacain orm. ’S e sud an t-eideadh Ri ’n eireadh m’aigne-sa, ’S mo nighean Ghaelach, Aluinn agam ann; O bheul na h-oidhche Gu soills’ na madainne, Gu’m b’ait nar sugradh Gun duiseal cadail oirn. [TD 23] Gur binne coradh Na oraid fhileanta, Tha guth ni’s ceolmhoir’, Na oigh-cheol binn-fhaclach: Cha laidheadh bron oirn, Na leon, na iomadan, Ri faighinn sgeul duinn O bheul na finne sin. ’Nuair thig a Bhealtainn, ’S an Samhradh lusanach, Bi’dh sinn air airidh, Air ard nan uchdanan: Bi’dh cruit nan gleanntaibh Gu canntair, cuirteasach, Gu tric gar dusgadh, Le surd gu moch-eiridh. ’S bi’dh’n crodh ’s na caoraich, ’S an fhraoch ag inealtradh; ’S na gobh’raibh bhailg-fhionn, Gu ball-bhreac, bior-shuileach: Bi’dh’n t-al san leimnich Gun cheill, gun chin orra, Ri gleachd ’s ri comhrag, Sa snotach bhileagan. Bi’dh mise a’s Mairi Gach la ’sna glacagan, Nan doire geugach Nan eunan breac-iteach; Bi’dh cuach a’s smeorach, Ri ceol ’s ri caiseamachd, ’Sa gabhail orain Le sgornain bhlasda dhuinn. MAIRI LADHACH. LE IAIN M‘DHOMHNUILL, FEAR SGORAIG. Ho, mo Mhairi ladhach, ’S tu mo Mhairi bhinn; Ho, mo Mhairi ladhach, ’S tu mo Mhairi grinn: Ho, mo Mhairi ladhach, ’S tu mo Mhairi bhinn; Mhairi bhoidheach lurach, Rugadh anns na Glinn. [TD 24] B’og bha mis’ ’us Mairi ’M fasaichean Ghlinn-Smeoil, ’N uair chuir macan Bhenuis, Saighead gheur ’n am fheoil: Tharruing sinn ri cheile, Ann an eud cho beo, ’S nach robh air an t-saoghal; A thug gaol cho mor. ’S tric bha mis’ ’us Mairi, Falbh nam fasach fial, Gun smaointean air fal-bheairt, Gun chail gu droch ghniomh: Cupid ga nar taladh Ann an cairdeas dian; ’S barr nan craobh mar sgail dhuinn, ’N uair a b’ aird’ a ghrian. Ged bu leamsa Alba’ A h-airgiod ’us a maoin, Cia mar bhithinn sona Gun do chomunn gaoil? B’ annsa bhi ga d’ phogadh, Le deagh choir dhomh fhein, Na ged fhaighinn storas, Na Roinn-Eorp’ gu leir. Tha do bhroilleach soluis, Lan de shonus graidh; Uchd a’s gile sheallas, Na ’n eal a air an t-snamh: Tha do mhin-shlios, fallain, Mar chanach a cha’ir; Muineal mar an fhaoilean Fo ’n aodann a’s aillt’. Tha d’fhalt bachlach, dualach, Mu do chluais a’ fas, Thug nadur gach buaidh dha, Thair gach gruaig a bha: Cha-n eil dragh, no tuairgne, ’Na chuir suas gach la; Chas gach ciabh muncuairt deth, ’S e ’na dhuail gu ’bharr. Tha do chailc-dheud shnaighte Mar shneachda nan ard; D’anail mar an caineal; Beul o ’m banail failt: [TD 25] Gruaidh air dhreach an t-siris; Min raisg chinnealt, thla; Mala chaol gun ghruaman, Gnuis gheal ’s cuach-fhalt ban. Thug ar n-uabhar barr Air ailleas righrean mor; B’ iad ar leabaidh stata Duilleach ’s barr an fheoir: Fluraichean an fhasaich ’Toir dhuinn cail ’us treoir, ’Us sruthain ghlan nan ard A chuireadh slaint ’s gach por. Cha robh inneal ciuil, A thuradh riamh fo ’n ghrein, A dh-aithriseadh air choir, Gach ceol bhiodh againn fhein; Uiseag air gach lonan, Smeorach air gach geig; Cuag ’s gug gug aic’, ’Madain churaidh Cheit.’ MAIRI GHREANNAR. LE COINNEACH MAC CHOINNICH, FEAR SHRA-NA-SEALG. O shaorainn, shaorainn, shaorainn i, Air m’ fhacal fhein gum faodainn sin; ’S ged bhitheadh cuid nach saoileadh e, Gun saorainn Mairi Ghreannar. Shaorainn fhein gun teagamh i, Ged bha mi tric a’ beadradh r’i, Nach d’ iarr mi ni mi-dhleasdanach, ’S nach freagradh dhomh bhi cainnt air. Shaorainn fhein gu deonach i, ’S cha b’ eagal lium ged bhoidichinn, Nach d’ fhuair mi bheag de dh-fhotus innt’, O ’n ghabh mi eolas cainnt oirr’. Ma tha cron ri leughadh ort An gniomh, no ’n gne, cha leir dhomh e, ’S a dh-aindeoin beachd an t-saoghail so, Is tusa daonnan m’ annsachd. Tha suairceas, tlachdt ’us sithmhaltachd, A’ stri co dhiu a’s dilse dhuit; Tha maise cliu, ’us finealtachd, Ag imeachd air gach laimh dhiot. [TD 26] Gur modhail, socrach, briathrach thu; Gur aoidhail, caoinail, ciallach thu; ’S nam biodh gach cuis mar dh-iarrainn i, Bu tu mo chiad bhean bainnse. D’ fhalt boidheach cam-bhuidh dualagach, ’S a bharr a’ fas gu d’ chruachanan— Do phog mar mhil nan cuachagan, ’S do shnuadh air dhreach an t-samhraidh. Gur soisheamh, banail, beusach thu; Gur geanail, sunntach, eatrom thu; Gur connar, fonnar, speisail thu; Gu h-aoidhail, ceillidh, greannar. Cha mhol mi thu, cha-n urra mi, Cha-n eil briathran ullamh dhomh, Do bheusan thug mi ’n t-urram dhoibh, ’S iad chuir mi uile ’n geall ort. Ach dh-innsinn fhein gu soilleir dhuibh, Co i, ’s co uaith a shloinneadh i, Mur bhi gun d’ fhuair sibh coire dhomh, Air son na rinn mi chaint oirr.’ MO CHAILIN DONN OG. Mo Chailin donn og, ’s mo nighean dubh thogarach, Thogainn ort fonn, neo-throm gun togainn, Mo nighean dubh gun iarraidh, mo bhriathar gun togainn, ’S gun innsinn an t-aobhar, nach eileas ’gad thogradh. Mo Chailin donn og. Gum beil thu gu boidheach, bainndi, banail, Gun chron ort fo ’n ghrein, gun bheum, gun sgainnir; Gur gil’ thu fo d’ leine na eiteag na mara, ’S tha coir’ agam fein gun cheile bhi mar-riut. Mo Chailin donn og, &c. Gur muladach mi, ’s mi ’n deigh nach math leam, Na dheanadh dhomh stath aig cach ’ga mhalairt; Bi’dh d’athair a comhnuidh ’g ol le caithream, ’S e eolas nan corn a dh-fhag mi cho falamh. Mo Chailin donn og, &c. Nam bithinn ag ol mu bhord na dibhe, ’S gum faicinn mo mhian ’s mo chiall a’ tighinn, ’S e ’n copan beag donn thogadh fonn air mo chridhe, ’S cha tugainn mo bhriathran nach iarrainn e rithist. Mo Chailin donn og, &c. [TD 27] Bi’dh bodaich na duch’ ri burst ’s ri fanaid, A cantainn rium fein nach geill mi dh-ainnis; Ged tha mi gun spreidh, tha teud ri tharruing, ’S cha sguir mi de ’n ol fhad ’s is beo mi air thalamh. Mo Chailin donn og, &c. ’S ioma bodachan gnu nach duraig m’ aithris, Le thional air spreidh ’s iad ga threigsinn a’s t-earrach; Nach ol anns a bhliadhna bloigh trian a ghallain, ’S cha toir e fo ’n uir na ’s mo na bheir Callum. Mo Chailin donn og, &c. Nam bithinn air feill, ’s na ceudan mar-rium, De chuideachda choir a dh-oladh drama; Gun suidhinn mu ’n bhord ’s gun traighinn mo shearrag, ’S cha du’irt mo bhean riamh rium ach “Dia leat a Challum.” Mo Chailin donn og, &c. Ged tha mi gun stor, le h-ol ’s le h-iomairt, Air bheagan de ni, le pris na mine; Tha m’ fhortan aig Dia, ’s e fialaidh uime, ’S mo gheibh mi mo shlainte, gu ’m paidh mi na shir mi. Mo Chailin donn og, &c. Ge mor le cach na tha milleadh, Cha tugainn mo bhoid nach olainn tuillidh, ’S e gaol a bhi mor tha m’ fheoil a’ sireadh— Tha ’n sgeul ud ri h-aithris air Callum a Ghlinne. Mo Chailin donn og, &c. O, CUIR A NALL AM BODACH. LE IAIN M‘MHURCHAIDH, CHINNTALA. O, cuir a nall am bodach, I, cuir a nall am bodach, ’Nu’r a thogadh e oirnn sogan, ’S e ’m botul a b’ annsa lein. Gur beag m’ uidh dol chun na h-airidh, Shealtuinn air mo chuid cruidh aluinn, ’S nach fhaic mi maoin, diubh ach na cnaimhean, ’S iad gun bhliochd, gun dair, gun laoigh. O, cuir, &c. Biomaid cridhail, biomaid ceolmhor, Gabhamaid gach ni mar ’s coir dhuinn; As a bheagan cinnidh moran, Tuillidh ’s a dh-fhodnas a chaoidh. O, cuir, &c. [TD 28] Ciod am fath mu ’m bi oirnn dorran? Fodnaidh ’n saoghal dhuinn, ge b’ oil leinn; ’S lionar fear a chuir e ’dholaidh, Mheud ’s a thug e ’thoil d’ a chinn. O, cuir, &c. Fheara! na biodh oirbhse gruaman Mu na thug an t-earrach cruaidh uainn’; Gheibh sinn creideas feadh na tuatha A ni suas na thug e dhinn. O, cuir, &c. Lion am boltul—lion a dha dhiubh, Na biodh curam ort a paidheadh; Mur a tachair e ’s an laimh ort, Gheibh thu seiche ba ’s an t-suim. O, cuir, &c. ’S lionar fineag a tha beairteach, ’S caonnag air an duine, thapaidh, ’S fearr an cridhe fialaidh pailt, Na macan airc a cridhe chrin. O, cuir, &c. Biomaid sugach, biomaid geanail, Cuireamaid air chul an gearan: Cinnidh rud aig math an airidh, Sud mar tha mo bharail dhuibh. O, cuir, &c. OCH OIN! MO CHAILIN. LE LACHUINN HOGIE, DUIN’ UASAL EIREINACH. Gun dh’eirich mi moch, air madainn an de, ’S gun ghearr mi ’n earr-thalmhainn, do bhri mo sgeil; Ann duil gu ’m faicinn ’sa run mo chleibh; Och, choin! gu’m facas, ’s a cul rium fein. Och, choin! mo chailin, ’s mo shuil a d’ dheidh, Och, choin! mo chailin, ’s mo shuil a d’ dheidh, Mo Lili, mo Lili, ’s mo shuil a d’ dheidh: Cha leur dhomh ’m beallach, le sille nan deur. Na ’m bidheadh sud agam, mo lugh ’s mo leum, Mi ’m shuidh air a bheallach, ’s mo chu air eill; Gun deanainse cogadh, gu laidir, treun, Mu ’n leiginn mo leannan le fear tha fo ’n ghrein. Och, choin! mo chailin, &c. [TD 29] Tha mulad ormsa, is fiabhras mor, On chual mi gun deach’ thu le Brian a dh’ ol: Mo chomunn cha deanain re mnaoi tha san fheoil, O rinn thu mo threigsinn, ’s mi fein a bhi beo. Och, choin! mo chailin, &c. O! cha ’n eil uiseag, na faoileann bhan, Am barr a chaisteil, san robh mi ’s mo gradh; Nach bheil re tuirreadh, do dh’ oiche ’s do la, O’ chual iad gun ghlacadh mo chailin air laimh. Och, choin! mo chailin, &c. ORAIN LE NIGHIN FIR NA REILIG. Thig tri nithean gun iarruidh, ’S iad eagal a’s iadach a’s gaol; ’S gur beag a chuis mhaslaidh, Ged ghlacadh leo mis air a h-aon, ’S a liuthad bean uasal A fhuaras sa chiont an robh mi, A thug an gaol fuadain Air ro bheagan duaise ga chionn. Air failirin, illirin, uillirin, O ’s mi caoidh! ’S cruaidh fortan gun fhios, A chuir mis’ ann a luib do ghaoil. Mur d’ thig thu fein tuilleadh Gur aithne dhomh mhalairt a bh’ ann; Nach robh mi cho beairteach Re cailinn an achaidh ud thall. Cha d’ toirinn mo mhisnachd, Mo ghliocas, is gniomh mo lamh, Air buaile chrobh ballach Is cailinn gun iul nan ceann. Fhir a dhireas am beallach Beir mo shoruidh do ’n ghleann fo thuath; Is innis do m’ leannan, Gur maireann mo ghaol ’s gur buan. Fear eile cha ghabh mi ’S cha ’n fhuilig mi idir a luaidh; Gus an dean thu ghaoil m’ aicheadh, Cha chreid mi o chach gur fuath. Mur d’ thig thu fein tuille, Gur taitneach ata mo chliu; [TD 30] Cha d’ rinn mi riut comunn, ’S cha do laidh mi leat riamh an cuil. Cha ghabhain bonn maslaidh O dhuine chuir ad air a chrun; Ged bha mi cho beachdail, ’S gu ’n smachdaichinn gaol nach b’fhiu. Bu laodhaid mo thamailt, Na ’m b’ airidh ni b’ fhear a bhiodh ann; Ach dubh chail’ a bhuacair, ’N uair ghlacadh i buarach na laimh. ’N uair ’thig an droch earrach ’S a chaillear an ni ann sa ghleann; Biodh ise air an t-shiulaid Gun tuille de bunailteas ann. Fhir nan gorm shuilean meallach, O ’n ghleannan ga biodh an smuid, Ga ’m biodh a chaoin mhala, Mar chanach an t sleibh fo dhriuchd: ’N uair readh tu air t-uillin Bhiodh fuil air fear dhireadh nan stuc, ’S nam biodh tu ghaol mar rium Cha b’ anaid an ceile leam thu. Cha b’ ann air son gadachd, No idir mar thailceas air spreidh; Cha b’ fhear do shiol bhodach Bha m’ osnidh cho trom na dheidh. Sar mhac an duine uasail, Fhuair buaidh air an duthaich gu leir; Ge do bhithamaid falamh, Tha caraid a chitheadh oirn feum. ’S truadh nach robh mi ’s mo leannan, ’S a chrannaig air stiureadh le gaoith, Na ’m buthaig bhig bharraich, Aig imeal a ghleanan lein fhein, Na’n Lochlain an daraich Aig taobh na mara fuidh thuin, Gun chuimhn’ air a chailinn A dh’ fhag mi air araibh chruidh laoidh. ORAN DO NIGHEAN FIR GHEAMBOIL. LE LACHUIN MAC IONMHUINN, MAC THEARLAICH OIG. Moch sa’ mhadainn ’s mi lann airt-neul, Tha mi ’g achdain m’ iunndrain, [TD 31] An aite cadail air mo leabaidh, Carachadh sa tuintadh. Na ’m faighin cead, gun rachain grad, Am still gun stad, gun aon-tamh; A dh’ fhios an aite am fiosrach cach, Gu ’m bheil mo ghradhsa ’n Gheambail. ’S ge fad air chuart, mi ’s tamail b’huam, An aisling bhuan so dhuisg mi; Thu bhi agam, ann am ghlacaibh, Bhean bho ’n tlachdmhor sugraidh. A dhaindeoin buinning ’s fada m’ fhurach, Ann an iomal ducha, O choin a chial! gu ’m be mo mhian, Bhi ’n diugh a triall ga d’ uinnsaidh. Air t-iunnsaidh theid mi ’n uair a dheireas, Mi gu h-eatrom sunntach; Gach ceim do ’n t shlighe, dol ga d’ rithin, Biodh mo chriodhe sugach. Mo mhian bhi ’n ceart-uair air bheag cadail, Ann ad chaidribh greannar; Mo dhuil gun chleth, le durachd mhath, Gur e mo bheatha teann ort. Ach oigh na maise a’s or-bhuidh falt, ’S do ghruaidh air dreach an neonain; Tha eididh ghrinn, mu bheul do chinn, ’S do beul bho ’m binn thig oran. Rosg thana chaoin, fo d’ mhala chaol, ’S do mheall-shuil, mhion ga seoladh; ’S an teric tha d’ eudain, ghreas gu eug mi, Mar toir cleir dhomh coir ort. Gun choir air t fheatain, oigh na feile, Ghreas mi fein gu ann lamh; Fhuair thu ’n iosad buaidh bho Dhiarmid, Tha cuir ceud an geall ort. Ciochain geala, air uchd meallaidh, Miann gach fear nan sealltain; Do chionn fallaich th’ air mo mhealladh, ’S e na eallach throm orm. Tha run na fear, fo d’ ghun am falach, Seang chorp, fallain, sunntach; Slios mar eala, cneas mar chanach, Bho chion tammuil m’ iuil ort. [TD 32] Bho chul do chinn, gu sal do bhuinn; ’S tu dhamhsa grinn air urlar; Mi bhi aireamh ’s gun tu lathair, Ghreas gu lar mo shugradh. Mo shugradh cheil ’s duil ruit mar bhean, Oigh na ’n ciabh glann faineach; T’ aon bhrolach geal, trom-cheist na ’m fear, ’S uasal an t’ion bann-righ. Tha seirc us beusan, tlachd us ceutaibh, Mar ri cheile fas riut; Do ghaol gach lo so rinn mo leoin, Cho mor ’s nach eol domh aireamh. Cha neol do aireamh, trian do t’ ailleachd, Gus don bhas gun geill mi; Ceilidh, cliutach, beusach, muirneach, Ceud fear ur tha ’n deidh ort. Biodh airnin bruit’, aig pairt do ’n chunntais, Gach la dha ’n diult thu coimhneas; Biodh slaint’ as ur, le failte cuil, Aig neach ni lub san roin ort. ORAN DO’N PHRIUNNSA, LE ALASDAIR MAC DHONUILL. LUINNEAG. Thug ho-o, laill ho-o, Thug o ho-ro ’n aill leibh, Thug ho-o laill ho-o, Seinn o ho-ro ’n aill leibh. Moch sa mhadainn ’s mi dusgadh, ’S mor mo shunnd ’s mo cheol gaire; O’n a chuala mi ’m Prionnsa, Thigh’n do dhuthaich Chlann Ra’ill; Thug ho-o, &c. O’n a chuala mi ’m Prionnsa, Thig’n do dhuthaich Chlann Ra’ill; Grainne mullaich gach Righ thu, ’Slan gu’n pill thusa Thearlaich. Thug ho-o, &c. Grainne mullaich gach Righ thu, Slan gu’n pill thusa Thearlaich; ’S ann tha ’n fhior-fhuil gun truailleadh, Anns a ghruaidh is mor naire. Thug ho-o, &c. [TD 33] ’S ann tha ’n fhoir-fhuil gun truailleadh, Anns a ghruaidh is mor naire: Marr-ri barrachd na h-uaisle, ’G-eiridh suas le deagh nadur. Thug ho-o, &c. Marr-ri barrachd na h-uaisle, ’G-eiridh suas le deagh nadur; ’S na ’n d’thigeadh tu rithisd, Bhiodh gach Tighearn’ na ’n aite. Thug ho-o, &c. ’S na ’n d’thigeadh tu rithisd, Bhiodh gach Tighearn’ na ’n aite; ’S na ’n cairicht’ an crun ort, Bu mhuirneach do chairdean. Thug ho-o, &c. ’S na ’n cairicht an crun ort, Bu mhuirneach do chairdean; ’S bhiodh Lochiall mar bu choir dha, Cuir an ordugh nan Gaidheal. Thug ho-o, &c. ’S bhiodh Lochiall mar bu choir dha, Cuir an ordugh nan Gaidheal; A’s Clann Donuill a chruadail, Choisinn buaidh anns na blaraibh. Thug ho-o, &c. A’s Clann Donuill a chruadail, Choisinn buaidh anns na blaraibh; ’S iad gu ’n cumadh a cho-strith, Ri luchd chotaichean maduir; Thug ho-o, &c. S iad gu ’n cumadh a cho-strith, Ri luch chotaichean maduir; Sud a chuideachd bhiodh foirmeil, Boinneid ghorm a’s coc-ard orr’. Thug ho-o, &c. Sud a chuideachd bhiodh foirmeil, Boinneid ghorm a’s coc-ard orr; ’S bhiodh am feile ’sa’n fhasan, Marr-ri gartana’ sgarlaid; Thug ho-o, &c. ’S bhiodh am feile ’sa’n fhasan, Marr-ri gartana’ sgarlaid; [TD 34] Eile cuaich air bhachd easgaid, Paidhir phiostal ’s lann Spainnteach; Thug ho-o, &c. Eile cuaich air bhachd easgaid, Paidhir phiostal ’s lann Spainnteach; ’S na ’m faighinn mo dhurachd, Bhiodh an Diuc air dhroch caramh; Thug ho-o, &c. ’S na ’m faighinn mo dhurachd, Bhiodh an Diuc air dhroch caramh; Gu ’m biodh buidseir na feola, Agus a chorcach m’a bhraghad! Thug ho-o, &c. Gu’m biod buidseir na feola, Agus a chorcach m’a bhraghad; ’S gu’n gibhtinn a mhaighdeann, Mar oighreachd d’a bhrathair. Thug ho-o, &c. ’S gu ’n gibhtinn a mhaighdeann, Mar oighreachd d’a bhrathair. Ach slan gu’n d’thig thu ’s gu ’n ruig thu, Slan gu’n d’thig thusa Thearlaich. Thug ho-o, &c. A BHANARACH DHONN. LE ALASDAIR MAC DHONUILL. LUINNEAG. A Bhanarach dhonn a chruidh, Chaoin a chruidh, dhonn a chruidh; Cailin deas donn a chruidh, Cuachag an fhasaich. A Bhanarach mhiogach, ’S e do ghaol thug fo chis mi; ’S math thig lamhainnean sioda, Air do mhin-bhosan bana. A Bhanarach donn, &c. ’S mor bu bhinne bhi t-eisteachd, An am bhi bleothann na spreidhe; N’an smeorach sa cheitein, Am barr geig ann am fas-choill. A Bhanarach donn, &c. [TD 35] ’N uair a sheinne tu coilleag, A leigeil mairt ann an coille; Thaladh eunlaith gach doire, Dh’ eisteachd coireall do mhanrain. A Bhanarach donn, &c. Ceol farusda fior-bhinn, Fonnar, farumach, dionach; A sheinn a cailin donn miogach, A bheireadh biogadh air m’ airnin. A Bhanarach donn, &c. ’S ga b’ fhonnar an fhiudhall, ’S a teudan an rithidh; ’S e bheireadh damhs air gach cridhe Ceol nighinn na h-airidh. A Bhanarach donn, &c. Tha deirg agus gile, A Gleachd an gruaidhean na fine’, Beul min mar an t-shirist, O’m milis thig gaire. A Bhanarach dhonn, &c. Deud snasda na ribhin, Snaite, cruin, mar na disnin’; Gur hi ’n donn-gheal, ghlan smideach, ’S robh mhig-shuileach faite. A Bhanarach dhonn, &c. Chuireadh maill air do leirsinn, Ann am madainn chiuin cheitein, Na gathannan greine, Thig o t-theud-chul cas, fainneach. A Bhanarach dhonn, &c. ’S ciatach nuallan na gruagaich, A’ bleothann cruidh ghuaillinn; A toirt torroman air cuachaig, ’S bothar fhuaim aig a claraibh. A Bhanarach dhonn, &c. ’S taitneach siubhal a cuailein, Ga chrathadh mu cluasaibh; A’ toirt muigh air seisd luachraich An taigh buala, ’n gleann fasaich. A Bhanarach dhonn, &c. A’ muineal geal boidheach, Mu’n iathadh an t-omar, [TD 36] A’ dhath fein air gach seorsa, Chite dortadh tro d’ bhraghad. A Bhanarach dhonn, &c. Da mhaoth-bhois bu ghrinne, Fo ’n da ghairdein bu ghile; ’N uair a shinnt iad gu hinealt’, Gu sinean cruidh fhasgadh. A Bhanarach dhonn, &c. Gum bu mhothar mo bheadradh, Teachd do’n bhuailidh mu ead-thra, Seadhach seang-chorpach beitir, ’S buarach greasad an ail aic’. A Bhanarach dhonn, &c. Glac gheal a b’ air gleodhar, A’ stealladh bainn’ an cuaich bleothainn; A’ seinn nan luinneag bog seadhach, A’ togail codhar ri blarich. A Bhanarach dhonn, &c. ’N uair thogadh tu bhuarach, Cuach a’s curassan na buaile; B’ ao-coltach do ghluasd Ri guanaig na sraide. A Bhanarach dhonn, &c. AM BREACAN UALLACH. LE ALASDAIR MAC DHONUILL. LUINNEAG. He ’n clo-dubh, Ho ’n clo-dubh, He ’n clo-dubh, B’fhearr am breacan. B’ fhearr leam breacan uallach, Ma ’m ghuaillean, ’s a chuir fo m’ achlais, No ge do gheibhinn cota, Do ’n chlo is fearr thig a Sasgunn. He ’n clo-dubh, &c. Mo laochan fein an t-eideadh, A dh’fheamadh an crios d’ a ghlasadh, Cuachanach an eilidh, Deis eiridh gu dol air astar. He ’n clo-dubh, &c. [TD 37] Eilidh cruinn na’n cuachein, Gur bhaghail an t-earradh gaisgeich; Shiubhlainn leat na fuarain, Feadh fhuar-bheann; ’s bu ghasd’ air faich thu. He ’n clo-dubh, &c. Fir chulaidh an t-saidhear, ’S neo-ghloiceil ri uchd na caismeachd; ’S ciatach ’s an adbhans thu, Fo shrantaich na ’m piob ’s na ’m bratach. He ’n clo-dubh, &c. Cha mhios anns an dol sios thu, ’Nuair sgriobar a duille claiseach; Fior earradh na ruaige, Gu luathas a chuir anns na casan! He ’n clo-dubh, &c. Bu mhath gu sealg an fheidh thu, ’N am eiridh do ’n ghrein air creachunn; ’S dh’ fhalbhainn leat gu lodhar, Di-domhnaich a dol do’n chlachan. He ’n clo-dubh, &c. Laidhinn leat gu cearbail, ’S mar earbaig go ’m briosginn grad leat, Na b’ ullamh air m’ armachd, Na dearganach ’s musgaid ghlagach. He ’n clo-dubh, &c. ’N am coillich a bhi durdan, Air stucan am madainn dhealta. Bu ghasda t-fheum ’s a chuis sin, Seach mutan do thrustar casaig. He ’n clo-dubh, &c. Shiubhlainn leat a phosadh, ’S far feornein cha fhrosainn dealta; B’ i sid an t-suanach bhoidheach, An og-bhean bha mor a tlachd dh’i. He ’n clo-dubh, &c. B’ aigeantach ’s an choill’ thu, D a ’m choireadh le d’ bhlathas ’s le t-fhasga, O chathadh, is a chrion-chur, Gu ’n dionadh tu mi ri frasachd. He ’n clo-dubh, &c. Air t-uachdar gur a sgiamach A laidheadh a sgiath air a breacadh; [TD 38] ’S claidheamh air chrios ciatach, Air fhiaradh os ciunn do phleatan. He ’n clo-dubh, &c. ’S deas a thigeadh cuilbheir, Gu suilbhearra leat fa ’n asgaill; ’S a dh’ ain-deoin uisg’ a’s urchaid, Na tuillbheim gu ’m biodh ar fasga. He ’n clo-dubh, &c. Bu mhath anns an oidch’ thu; Mo loinn thu mar aodach-leapa: B’ fhearr leam na ’m brat lin thu, Is priseile min, tha ’n Glascho. He ’n clo-dubh, &c. ’S boganta grinn boidheach, Air banais a’s air mod am breacan; Suas an eileadh-sguaibe, ’S dealg-gualainn ag cuir air fasdaidh. He ’n clo-dubh, &c. Bu mhath an la ’s an oidhch’ thu, Bha loinn ort am beinn ’s an cladach, Bu mhath am feachd ’s a sith thu: Cha Righ a fear a chuir as duit. He ’n clo-dubh, &c. Shaoil leis gun do mhaolaich, so Faobhar na ’n Gaidheal tapaidh, Ach ’s ann a chuir e geir orr,’ Ni ’s beurra no deud na h-ealltainn: He ’n clo-dubh, &c. Dh’ fhag e iad lan mi-ruin, Bho ciocrasach ri coin acrach; Cha chaisg deoch an iotadh, Ge b’ fhion i, ach fir fhuil Shaghunn. He ’n clo-dubh, &c. Ge spion sibh an cri asainn, ’S ar brollaichean sios a shracadh; Cha d’thoir sibh asainn Tearlach, Gu brath gus an d’theid ar tacadh. He ’n clo-dubh, &c. R’ ar n-anam’ tha e fuaite, Teann, luaite cho cruaigh ri glasan; ’S uainn cha ’n fhaodar fhuasgladh, Gu ’m buainear a fear ud asainn. He ’n clo-dubh, &c. [TD 39] Ge d’ chuir sibh oirne buarach, Thiugh, luaite, gu ’r falbh a bhacadh, Ruithe sinn cho luath’, ’S na ’s buaine na feidh a ghlasraidh. He ’n clo-dubh, &c. Tha sinn ’s an t-sean nador, A bha sinn roimh am an acta; Am pearsanna ’s an inntinn, ’S ’n air rioghlachd cha d’theid lagadh. He ’n clo-dubh, &c. ’S i ’n fhuil bha ’n cuisl’ ar sinnsridh, ’S an innsgin a bha n’ an aigne, A dh’ fhagadh dhuinn’ mar dhileab, Bhi rioghail.—O! sinn ar paidir. He ’n clo-dubh, &c. Mallachd air gach seorsa, Nach deonaicheadh fos dol leat-sa, Co dhiu bhiodh aca comhdach, No comhruiste, lom gu ’n chraiceann. He ’n clo-dubh, &c. Mo chion an t-og fearragha, Thar faraige chaidh uainn air astar: Duthrachd bla do dhuthcha, ’S an urnaigh gu lean do phearsa. He ’n clo-dubh, &c. ’S ge d’ fuair sibh lamh-an-uachdar, Aon uair oir’n, le seorsa tapaig; An donus blar ri bheo-sa, Ni feoladair tuille tapaidh. He ’n clo-dubh, &c. ORAN BACHOIL. LE ALASDAIR MAC DHONUILL. LUINNEAG. Ho ro, mo bhobug an dram, Ho ri, mo bhobug an dram; Ho ro, mo bhobug an dram; ’S e chuireadh an sodan na m’ cheann. Fhearabh ta’r suidhe mu ’n bhord, Le’r glaineachan cridheal ar dorn; Na leanamait ruidhin air ol, Ma mill sinn ar bruidhinn le bol. Ho ro mo, &c. [TD 40] Na tostachan sigeanta fial, ’Gan aiseag gu ruige mo bhial; Bu mhireagach stuigeadh, a’s triall, Am marsal le cioguilt ro’ ’m chliabh. Ho ro mo, &c. ’S tu chuireadh na cuireid’ ’san t-sluagh, ’N am cogaidh, ri h-aodainn na ’n ruag, Gun olaimid sgailc dhiot gu luath, Ma sguidseamaid slacain a truaill’. Ho ro mo, &c. ’S tu dh’ fhagadh sinn tapaidh san toir, ’N am tarrainn na’n glas-lann ri sroin; ’Nuair thilgte na breacain do ’n t-slogh, ’S a truaill, bheirt amach claidhe mor. Ho ro mo, &c. Ge tu mo leannan glan ur, Cha phog mi gu dilinn thu ’n cuil; Ach phogainn, a’s dheodhlainn thu ruin, Nuair thig thu ’s Jacobus, na d’ ghnuis. Ho ro mo, &c. An t-ainm sin is fearr ata ann, Ainm Sheumais a chuir air do cheann; S e thogadh a sogan fo m’ chaint, ’S a dh’ fhagadh gu blasda mo dhram. Ho ro mo, &c. Fadamaid teine beag shios, Na lasraichean ciuin a ni grios; A gharas ar claigeann ’s ar cri, S dh’ fhogras ar n’aiteal ’s ar sgios. Ho ro mo, &c. Gur tu mo ghlaineag ghlan lom, Mo leannan is cannaiche fonn; Ged rinn thu ruidh iomainn na ’n tonn, Gur mor tha do cheanal na d’ chom. Ho ro mo, &c. O fair a ghaoil channaich do phog, Leig clannadh d’ a t-anail fo’ m’ shroin; Gur cubhraidh leam fannal do bheoil, No tuis agus mire na h-Eorp. Ho ro mo, &c. O aisig a ghlaine do phog! Cuir speirid n’ ar teangaidh gu ceol; An ioc-shlainte bheannaichte choir, A leasaicheas anam a ’s feoil. Ho ro mo, &c. [TD 41] MO RUN AN CAILIN.—LE U. ROS. E ho ro, mo run an cailin, E ho ro, mo run an cailin; Mo run cailin, suairc’ a mhanrain, Tha gach la a’ tigh’n fo m’ aire. Gur h-e mis’ tha briste, bruite, Cia b’e ri ’n leiginn mo runachd; Mu ’n ainnir a’s binne sugradh, ’S mi ri giulan a cion-falaich. Tha mo chridhe mar na cuaintean, Mar dhuilleach nan crann le luasgan; No mar fhiagh an aird nam fuar-bheann; ’S mo chadal luaineach le faire. Shiubhail mi fearann nan Gael, ’S earrainn de Bhreatain air fàrsan; ’S cha-n fhacas na bheireadh barr Air fine bhan nann tla-shuil meallach. Bu bhinne na smeorach a cheitein Leam do gloir, ’s tu coradh reidh rium; ’S mo chliabh air lasadh le h-eibhneas, Tabhairt eisdeachd dha d’ bheul tairis. Bu tu mo chruit, mo cheol ’s mo thailisg, ’S mo leug phriseil, riomhach, admhor; Bu leigheas eugail o na bhas domh, Nam feudainn a ghna bhi mar-riut. Gur muladach mi ’s mi smaointeach Air cuspair mo chion, gun chaochladh; Oigh mhin, mhaiseach, nam bas maoth-gheal, ’S a slios caoin-tla mar an canach. Tha do dhealbh gun chearb, gun fhiarradh, Min-gheal, fir-ghlan, direach, lionta: ’S do nadur cho-seamh, ’s bu mhiannach, Gu pailt, fialaidh, ciallach, banail. Air fhad m’ fhuireach an Duneidin, ’Cumail comuinn ri luchd beurla, Bheir mi ’n sorruidh so gun treigsin, Dh-ionnsuidh m’ eibhneis anns na gleannaibh. Ged a tharladh dhomh bhi ’n taobh-sa, Gur beag mo thlachd dhe na du-ghaill; ’S bithidh mi nis a’ cur mo chuil riu, ’S a deanamh m’ iull air na beannaibh. [TD 42] Gur h-eatrom mo ghleus, a’s mi m’ iompaidh, ’S neo-lodail mo cheum o ’n fhonn so; Gu tir ard nan sar-fhear sunndach, ’S mi treigsinn Galldachd ’nam dheannabh. Diridh mi gu Tulach Armuin, Air leth-taobh Strath min na lairce; ’S tearnadh mi gu Innseag Bla-choill’, ’S gheibh mi fine bhan gun smalan. FHEAR A BHATA. Fhir a bhata, na horo-eile, Fhir a bhata, na horo-eile; Fhir a bhata, na horo eile, Gu ma slan dut, Gach ait an d’theid thu. ’S tric mi sealtuinn o’n chnoc a’s airde, Dh-fheuch am faic mi fear a bhata; An tig thu ’n diugh, na ’n tig thu maireach? ’S mar tig thu idir, gur truagh a ta mi. Tha mo chridhe-sa briste, bruite; ’S tric na deoir ag ruidh o’m shuilean; An tig thu nochd, na ’m bi mo dhuil riut? Na ’n duin mi ’n dorus, le osna thursaich? ’S tric mi foidneachd de luchd nam bata, Am fac iad thu, na ’m beil thu sabhailt; Ach ’s ann a tha gach aon diubh ’g raite, Gur gorach mi, ma thug mi gradh dhut. Gheall mo leannan domh gun dhe ’n t-sioda, Gheall e sud agus breacan riomhach; Fain ’ oir anns am faicinn iomhaigh; Ach ’s eagal leam gun dean e diochuimhn’. Cha-n eil baile beag ’sam bi thu, Nach tamh thu greis ann, a chur do sgios diot; Bheir thu lamh air do leabhar riomhach, A ghabhail dhuanag ’s a bhuaireadh nionag. Ged a thu’irt iad gun robh thu aotrom, Cha do laghadaich sud mo ghaol ort; Bi’dh tu m’ aisling anns an oidhche, ’Us anns a mhadainn bi’dh mi ’gad fhoineachd. Thug mi gaol dhut, ’s cha-n fhaod mi aicheadh; Cha ghaol bliadhna, ’s cha ghaol raidhe; Ach gaol a thoisich ’nuair bha mi m’ phaisdein, ’S nach searg a chaoidh, gus an claoidh am bas mi. [TD 43] Tha mo chairdean gu tric ag innseadh, Gum feum mi d’aogas a leig’ air diochuimhne; Ach tha ’n comhairle dhomh cho diamhain, ’S bhi tilleadh mara ’s e tabhairt lionaidh. Tha mo chriosan air dol an airde, Cha-n ann o fhidhlear, na o chlarsair; Ach o stiureadair a bhata— ’S mur tig thu dhachaidh, gur truagh mar tha mi. Bi’dh mi tuille tursach, deurach, Mar eala bhan ’s i an deigh a reubadh; Guileag bais aic’ air lochan feurach, A ’s cach uileadh an deise treigeadh. THA TIGH’N FODHAM EIRIDH. Tha tigh’n fodham, fodham, fodham, Tha tigh’n fodham, fodham, fodham, Tha tigh’n fodham,fodham, fodham, Tha tigh’n fodham eiridh. Sid an t-slainte churamach; Olamaid gu sunndach i; Deoch slaint’ Ailein Mhuideartaich— Mo dhurachd dhut gun eirich. Tha tigh’n &c. Ged a bhiodh tu fada bh’uam, Dh-eireadh sunnd ’us aignidh orm; ’Nu ’r chluinninn sgeul a b’ aite leam, Air gaisgeach nan gniomh euchdach. Tha tigh’n, &c. ’S ioma maidean bharrasach, G’a math d’ an tig an earrasaid, Eadar Baile Mhanaich A ’s caolas Bharradh ’n deigh ort. Tha tigh’n &c. Tha pairt an Eilein Bheagram dhiubh, ’Us cuid ’s an Fhraing ’s ’san Eadailt dhiu, ’S cha-n eil latha teagaisg nach Bi ’n Cille-Pheadair treud dhiubh. Tha tigh’n, &c. ’Nu ’r chruinnicheadh am banal ad, Breid caol an caradh crannaig orra, Bidh falus air am malaichean A’ danns’ air urlar deile. Tha tigh’n, &c. [TD 44] ’Nu ’r chiaradh air an fheasgar, gum bu Bheadarach do fhleasgaichean, Bhiodh pioban mor ’gan spreigeadh ann, A’s feadanan ’gan gleusadh. Tha tigh’n, &c. Sgiobair ri la gaillinn thu A sheoladh cuan nam maranan, A bheireadh long gu calachan Le spionnadh glac do threun-fhear. Tha tigh’n, &c. Sgeul beag eile a dhearbhadh leat, Gur sealgair sithne ’n garbhlach thu, Le d’ chuilbheir caol, nach dearmadach, Air dearg-ghreigh nan ceann eatrom. Tha tigh’n, &c. B’ e sid an leoghan aigeannach,— ’Nu ’r nochdadh tu do bhaidealan, Lamh dhearg, ’us long, ’us bradanan, ’Nu ’r ’lasadh meanmna d’eudunn. Tha tigh’n, &c. CUIR A CHINN DILEAS. LUINNEAG. Cuir a chinn dileas, dileas, dileas; Cuir a chinn dileas, tharum do lamh; Do ghorm-shul thairis, A mhealladh na miltean, B’ aimeadach mi Nuair thug mi dhut gràdh. Cha thinneas na feachda, ’Sa mhadainn so bhual mi; Ach acaid ro buan Nach leigheis gu bràth. Le sealladh air faiche, De shlait on taigh uasail, Moch-thrà di-luain, ’S mi g-amharc an là. Cuir a chinn dileas, &c. Rinn deiseid a pearsa, Nach facas a thuarmas; G-iomachd fòn chuach-chùl, Chamagach, thlà. Rinn dealradh a maise, A ’s lasadh a gruaidhean, [TD 45] Mis’ a ghrad bhualadh, Thairis gu làr. Cuir a chinn dileas, &c. Ach dh’ eirich mi rithisd, Le cridhe lan uabhair; A ’s dh’ iomaich mi ruathar, Ruighinn na dail. Gu h-iathadh nam ghlacaibh, Ach smachdaich i bhùam sin Ochan! is truagh A mheath i mo chail. Cuir a chinn dileas, &c. Do dhearc-shùilean glana, Fo mhalla gun ghruaimean; ’S daighean a bhuail iad, Mise led ghràdh. Do ros-bhillen tana, Seimh, farasda, suairce, Cladhaichear m’ uaigh Mar glac thu mo lamh. Cuir a chinn dileas, &c, Tar fuasgal air m’ anam, On cheanghal is cruaidhe: Cuimhnich air t-uaisle, ’S cobhair mo chàs. Na biodh-ams’ am thrail dhut Gu bràch, on aon uair-s’; Ach tiomaich o chruathas, Do chridhe gu tlàs. Cuir a chinn dileas, &c. Chan fhaodair leam cadal, Air leabaidh an uaigneas; ’S m’ aigne ga bhuaire, Dh’ òidhche ’s a là. Ach ainnir is binne, ’S as grinne, ’s as suairce; Gath-sa dhiom truas, ’S bidhidh mi slan. Cuir a chinn dileas, &c. CUIR A CHINN DILEAS. (MODERN COPY.) ’S mi ’m shuidhe air an uilin, A tuireadh sa càoine; [TD 46] Bhuail saighead a ghaoil mi, Direach gum shail. Dh’ fhas mi cho lag, ’S nach b’ ura mi direadh; Le goirteas mo chinn, ’S chad shin i dhomh lamh. Cuir a chinn dileas, &c. ’S mi ’m shuidh’ air an tulaich, An iomal na cùirte; A g-amharc mo rùin, ’S i ’n ionad ro àrd. Thug i le fionnaireachd, Sealladh de suil dhomh, ’S thiundaidh i cul-thaobh, Seachad air barr. Cuir a chinn dileas, &c. Sheall mi am dheidhidh, Gu fradharc dh’i fhaotainn; ’S chuna mi h-aodainn, Farasda tlà. Chuna mi sealadh, A mhealladh na miltean, ’S aimeadach mi, ’S nach faigh mi na pairt. Cuir a chinn dileas, &c. Tha mais’ ann ad bhilean, Cha ’n aithreis luchd ciùl e, Togaidh tu sunnd An tallachan àrd. Leagair leat seachad, Sar ghaisgaich na dùch’; Le sealladh do shul, ’S le guilan do ghnathais. Cuir a chinn dileas, &c. Do bhraghad nis gile, No canach na dige; Chite dol sios, ’M fionn bhaine blàth. ’S ioma rud eile Cha ’n eil i ri faotain, Idir san t-saoghal, Aogais mo ghraidh. Cuir a chinn dileas, &c. Do chul mar an canach, T-fhalt clannach ’s cuirn air, [TD 47] A chumas an driuchd Gu dluth air a bhàrr. Na chualan air casadh, Na chleachdan air lubadh, ’S do-chearmaicht an crùn, Tha giulan a bhlàth. Cuir a chinn dileas, &c. Do ghruaigh mar an corcur, Beul socair om binn sgeul; Deud mar na disne ’S finealt a dh’ fhás Do shlios mar an eala ’S do mheall-shulan miogach, Thaladh thu m’ inntinn, ’S cha till i gu brath. Cuir a chinn dileas, &c. THA MO CHADAL LUAINEACH. Tha mo chadal luaineach, ’San uair so cha’n fhaigh mi tàmh; Cuimhneachd air na h-uaislean, A ghluais air madainn di-mairt. Oigear a chiul dualaich, ’S nan cuachagan troma tlà; Ged bhiodh agam buaile, ’S tu dh’ fhuasglain ’s cha ’n fhear do chàch. M’ ulaidh agus m’ eadail, Bu rèidh leam sealladh do shùl; Mar aiteal na greine, ’S i g-èiridh moch madainn dhriùchd. De bheul tana gle dhearg, Fo ’n eudann ’s guirme suil; ’S ged bhiodh tu ad leine B’ e m’ aibhneas de fhearaibh thu. M’ aighear a ’s mo ruin thu, ’S e cuirtear na feile bh’ ann; Cas dhireadh nan stuchd-bheann, Ceum lùghar air feagh nan gleann. A mhiad sa thug mi dhiùgh dhut, Gun dh’ fhàg e mo shuilean dall; ’S gun deanainn leat lùbadh Ged dhiultainn tri mìle gall. On thana mi ’n tir so, Air m’ inntinn gun laidh trom sprŏg; [TD 48] Cuimhneachadh na dh’ fhag mi, Cha tamh dhomh ’m baile no port. Oigear a chul-shniomhain, Beul sìbholt nach labhair lochd; Ged bhidhinn fo mhi-ghean Gun innsein dhut e le ’m thoil. ’S coma leam ’n seann duine, Laidheas gu teann ris an stoc; Fad na h-òidhche geamh raidh, Cha tuinndaidh ’s gum bi na thosd. Laidhidh e gu dìblidh, Na shineadh air bharr nan sop, Gun taruin e t-sranntaich, ’S gun tiunndaidh e cul a noig. C ’arson nach labhrainn caoin riut A ghaol, cha cheilinn sid ort? Seann-duine cha taobh mi, Ged fhaodadh chan eireadh moch. Ged robh aige caoirich, S an saoghal a bhi gu thoil; Nuair labhradh e pràmhail Bu chraiteach mo chridhe ’m chorp. Mulaidh ’s mo ghradh thu, Gur ràidhe gach òidhche ad dheigh; Lamh stiuireadh a bhata, Ga sabhaladh as gach beùd. Poitear san taigh-thabhairn thu, A páidheadh a measg nan ceud, Giomhanach nan àrd-bheann, ’S cha shlan a bhiodh mac-an-fhèigh. CORADH EDAR AN CLARSAIR DALL AGUS MAC-TALLA. Rinneadh a t-oran a leannas, le RUAIRIDH MORISTON, an Clarsair dall; air do dh’ Iain breac Mac-Leoid na Hearadh an luchd ealaidh gu h-iomlan a chuir air falbh as a theaghlach. Chaidh an clarsair dall, a bha ioma bliadhn’ air sgath Mhic-Leoid, a chuir, air falbh mar an ceudna. Tha’n t-oran so, air a dheanamh mar gun b’ann edar e-fein agus Mac-talla, a dh’ fhag teach Mhic-Leoid, le fearg nach robh e cluintinn fathrum gach cuil mar bu nos. Miad a mhulaid tha ’m thaoghall, Dh’ fhag treoghaid mo chleibh gu goirt, Aig na rinn mi ad dheaghaidh, Air m’ aghairt ’s mo thriall gu port. [TD 49] Sann bha mis’ air do thoir, ’S mi meas gu’n robh còir agam ort; A dheagh mhic athar mo ghraidh, B tu m’ aidhear ’s m’ agh, ’s m’ olc. Chaidh a chuibhle mu’n cuairt, Gu’n do thiunndaidh gu fuachd am blàthas, Naile chuna’ mi uair, Dun flathail nan cuach a thraigh. Far biodh taghaich nan duan, Ioma mathas gun chruas, gun chàs; Dh’ fhalbh an latha sin bhuain, ’S tha na taighean gu fuaraidh fàs. Dh’ fhalbh, mac-tall’ as an Dun, ’N am sgarachdainn duinn r’ ar triath; ’S ann a thachair e rium, Air seacharan bheann, san t-shliabh. Labhair es-an air thus— “Math mo bharail gur tu ma ’s fior, Chunna’ mise fo’ mhuirn, Roi’n uiridh an Dun nan cliar.” A Mhic-talla, nan tùr, ’Se mo bharail gur tusa bha, Ann an teaghleach an fhion, ’S tu g-aithris air gniomh mo lamh. “’S math mo bharail gur mi, ’S cha b’ urasd dhomh bhi mo thamh; G-eisdeachd brosluin gach ceoil, Ann am fochar Mhic-Leoid an aigh.” A Mhic-talla so bha, Anns a bhaile ’n do thar mi ’m iuil; ’S ann a nis duinn as leir, Gum beil mis’ a’s tu fein air chul. A reir do chomais air sgeul, O’n ’s fear comuinn mi-fein a’s tu; ’M beil do mhuinntearas buan, Aig an triath ud, da’n dual an Dun? “Tha Mac-talla fo ghruaim, Anns an talla ’m biodh fuaim a cheoil; ’S ionnad taghaich nan cliar, Gun aidhear, gun mhiagh, gun phoit. Gun mhire, gun mhuirn, Gun iomracha dlù nan corn; [TD 50] Gun chuirm, gun phailteas ri daimh, Gun mhacnas, gu mharan beoil.” “’S mi Mac-talla, bha uair G-eisdeachd fathrum nan duan gu tiugh; Far bu mhuirneach am beus, ’N am dubhair don ghrein san t-sruth. Far am b’ fhoirmeal na seòid, ’S iad gu h-oranach, ceolmhor, cluth; Ged nach faichte mo ghnuis, Chluint’ aca san Dun mo ghuth.” “’N am eiridh gu moch, Ann san teaghlaich, gun sprŏg, gun ghruaim; Chluinte geodhraich nan dos, ’S an ceile na cois on t-suain. ’Nuair a ghabhad i lan, ’Si gu’n cuireadh os naird na fhuair; Le meoir fhilleanta bhinn, ’S iad gu ruith-leumach, dionach, luath.” “Bhiodh a rianadair fein, Cuir an ire gur h-e bhiodh ann; ’S e g-eiridh na measg, ’S an eibhe gu tric na cheann. Ged a b’ ard leinn a fuaim, Cha tuairgneadh e sinn gu teann; Chuireadh tagradh an chluais, Le h-aidmheil gu luath, ’s gu mall. ’Nuair a chuirt i na tamh, Le furtachd na fardaich fein; Dhomhsa b’ fhurasda radh, Gum bu churaideach gair nan teud. Le h-iomairt dha lamh, A cuir a binneas do chach an geill; ’S gum bu shiubhlach am chluais, A moghunn lughar le luasgan mheur.” “Ann sa’ fheasgar na dheigh, ’N am teasa na grein tra noin; Fir chneatain ri clair, ’S mnai’ freagairt a ghna cuir leo. Da chomhairleach ghearr, A labhairt ’s gu ’m b’ard an gloir; ’S gum bu thitheach an guin, Air an duine gun fhuil, gun fheol.” [TD 51] “Gheibhte fleasgaich gun ghrain, Na do thalla gun sga, gun fhuath; Mnai’ fhionna ’n fhuilt reidh, Cuir buineas an geil le fuaim. Le ceileireachd beoil, Bhiodh ealanda, h-ordail, suairce; Bhiodh fear bogha ’nan coir, Chuireadh me-ghair’ ro mhor am chluais.” “Thoir teachdaireachd bh’uam, Le deatam, gu Ruaridh og; Agus innis dha fein, Cuid de chunnard, ged se MacLeoid. E bhi g-amharc na dheigh, Air an Iain a dh-eug, ’s nach beo; Ge bu shaibhear a chliu, Cha’n fhagadh e ’n Dun gun cheol.” ORAN DO NIGHEAN FIR NA COMRAICH. LE ULLLEAM MAC CHOINNICH, AM BARD CARRANACH (AIR FHON FEIN.) ’S Cianail m’ aigne o na mhadainn, Ghabh mi cead do ’n ribhinn; Ti cho-thaitneach riut cha’n fhaic mi Ann an dreach no fiamhachd. Bu trian de m’ lon do bhriathrean beoil, A teachd mar cheol a sith-bhruth; ’S i’n t-sheirc ata’nad’ bhraghad ban, A thaisg mo ghradh gu diomhair. Ciochan corrach, lionta soluis, Air do bhroilleach reidh ghlan; Do sheang-shlios fallain mar an eala, Na mar chanach sleibhe. Bas ionmhuinn caoin, na’n geal mheur caol, A’ dealbh n’an craobh air peurlain; ’S tu fialaidh glic ’s do chiall gun tig, Air diomhaireachd nan reultan. Do bhraighe gle-gheal mar ghath greine; T-aghaidh reidh ghlan mhodhar; Siunnailt t-eugais ’s tearc re fheatuin, Gur tu reul na n oighean. Gur bachlach, dualach, casbhui, cuachach, T-fhalt ma’n cuairt ann ordugh; [TD 52] ’S ann tha gach ciabh mar fhain air sniamh, ’S gach aon air fiamh an oir dhiubh. Nighean aingil nan rosg malla, ’S na’n gruaidh glan tha narach; Da shuil ghorm mheallach, fo’d chaol mhala, ’S gach aon a’ mhealladh graidh dhiubh. Tha mais’ ad ghnuis, gun easbhuidh muirn; Beul meachair ciuin ni maran; Do bhriodal caomh, ’s do loinn maraon, A rinn mo ghaol-sa sharadh. Corp seamhaidh ban, cho-lionas gradh Gach ti a tharadh iuil ort; ’S ann tha do shnuagh, toirt barr air sluagh, ’S tu ’n ainnir shuairce chliuiteach. Do dheas chalpannan ro dhealbhach, Gun bhi meanbh na dumhail; Troigh chruinn chomhnard dh’ fhalbhas modhar Nach dean feoirn’ a lubadh. Cho glan is tu ’s neo-shoilleir duinn, ’S mar ghealach thu thu ’n tus eiridh; Beul tana dearg muint’ ’s anail chubhraidh, ’S siunnailt thu do Bhenus. ’S e chrun do thlachd deud ur mar chailc, Air dlutha ceart ri cheile; O’ n tig an t-oran eatrom, ceolmhor, Mar an smeorach cheitein. O fhlath nan dul tus rath’ fhuair thu, Bhi modhail, ciuin gun ardan; Tha iochd as cliu, as loinn, as muirn Air a ghlaoigh dlu ri d’ nadur. ’S tu air do bhuain a freamh na’m buagh, Do ’n treun fhuil uasail statoil; Thu fialaidh pailt an gniomh san tlachd, ’S do chiall co-streup ri t-ailteachd. Os cionn t-ailteachd riabh cha tainig Gnuis o laimh na Trionaid; Gur soilleir duinn, ’n uair rinneadh tu, Nach robh na Duilin diomhain. Ur ribhinn thla ’s ro rioghail gna’s, Do dhilsin graidh tha lion’ar; A gheug na m buagh, ge cian mi bh’uait, Na geill-sa chluain luchd mi-ruin. [TD 53] Mi cian o d’ chaidridh, ’s buan dhomh fhaidid, Dh’ fhag sud m’ aigne pianail; Osnadh ghna, gun fhois, gun tamh, A fhrois gach blath do m’ fhion-fhuil. ’S e bhrosnaich deoir ’s a chlaoidh mo threoir An ribhinn og so thriall bh’uainn; ’S tu ’s trom a dh’ fhag mi, oigh mo ghraidh, Le d’bhron ata mi cianail. LUINNEAG MHIC-LEOID. LE MAIRI NIC LEOID, NIGH’N ALASDAIR RUAIDH. ’S mi ’m shuidhe air an tulaich’, Fo mhulad ’s fo ime-cheist; ’S mi coimhead air Ile, ’S ann de’m ioghnadh san am so. Bha mi uair nach do shaoil mi, Gus ’n do chaochail air m’ aimsear; Gun tiginn an taobh so, A dh’ amharc Iuraidh a’ Scarbaidh, I hurabh o, i hoiriunn o, I hurabh o, i hoiriunn o; I hurabh o, hogaidh ho ro, Hi ri ri rithibh ho i ag o. Gun tiginn an taobh so, A dh’ amharc Iuiraidh, a’ Scarbaidh: Thoir mo shoraidh do’n duthaich, Tha fo dhuthar na’n garbh-bhean. Gu Sir Tormod ur, alloil, Fhuair ceannas air armailt; ’S gun caint’ ann ’s gach fearann, Gum b’ airidh fear t-ainm air. I hurabh o, &c. Gun caint’ ann ’s gach fearann, Gum b’ airidh fear t-ainm air; Fear do cheille, ’s do ghliocais, Do mhisnich, ’s do mheanmnain. Do chruadail, ’s do ghaisge, Do dhreach, ’s do dhealbha; Agus t-olachd as t-uaisle, Cha ba shuarach ri leanmhuinn. I hurabh o, &c. Agus t-olachd, as t-uaisle, Cha ba shuarach ri leanmhuinn; [TD 54] Dh’fhuil direach Righ Lochluinn; B’ e sid toiseach do sheanchais. Tha do chairdis so-iarraidh, Ris gach Iarla tha ’n Albuinn; ’S ri uaislin na h-Eireann, Cha breug, ach sgeul dearbht e. I hurabh o, &c. ’S ri uaslin na h-Eireann, Cha bhreug ach sgeul dearbht e; A mhic an fhir chliutich, Bha gu fiughantach ainmeil. Thug barachd an gliocas, Air gach Ridir bha ’n Albuinn; Ann an cogadh ’s an sio’-chaint, ’S ann an dioladh an airgid. I hurabh o, &c. Ann an cogadh ’s an sio’-chaint, ’S ann an dioladh an airgid; ’S beag an t-ionghna do mhac-sa, Bhiodh gu beachdoil, mor, meanmnach. Bhiodh gu fiughant, fial, farsaing, O’n a ghlachd sibh mar shealbh e; Clan Ruairidh na’m bratach, ’S e mo chreachsa na dh’fhalbh dhiu. I hurabh o, &c. Clann Ruairidh na’m bratach, ’S e mo chreachsa na dh’fhalbh dhiu’; Ach an aon fhear a dh’ fhuraich, N ir chluinneam sgeul marbh ort. Ach eadail do dh’ fhearaibh; Ge do ghabh mi bh’uat tearbadh; Fhir a chuirp ’s glan cumadh, Gun uireasaidh dealbhadh. I hurabh o, &c. Fhir a chuirp ’s glan cumadh, Gun uireasaidh dealbhadh; Cridhe farsaing, fial, fearail; ’S math thig geal agus dearg ort. Suil ghorm ’s glan sealladh, Mar dhearcaig na talmhuinn; Lamh ri gruaigh ruitich, Mar mhucaig na feara-dhris. I hurabh o, &c. Lamh re gruaigh ruitich, Mar mhucaig na feara-dhris, [TD 55] Fo thagha na gruaige, Cul dualaich, na’n cam-lub. Gheibhte sid ann a t-ardaich, An caradh air ealachuinn; Miosair as adharc, Agus raogha gach armachd. I hurabh o, &c. Miosair as adharc, Agus raogha gach armachd; Agus lanntainin tana, O’n ceannaibh gu ’m barra-dheis. Gheibhte sid air gach slios dhiu, Isneach a’s cairbinn; Agus iubhair chruaigh, fhallain, Le ’n tafaidin cainbe. I hurabh o, &c. Agus iubhair chruaigh, fhallain, Le ’n tafaidin cainbe, A’s cuilbheirin caola, Air a dhaoirid ga’n ceannaicht’ iad. Glac na’n ceann liobhta, Air chuir sios ann am balgaibh; O iteach an fhir-eoin, ’S o shioda na gaille-bhein. I hurabh o, &c. O iteach an fhir-eoin, ’S o shioda na gaille-bhein; Tha mo chion air a churaidh, Mac Mhuire chuir sealbh air. ’S e bu mhionach le m’ leanabh, Bhi’ ’m beannaibh na sealga; Gabhail aidheir na frithe, ’S a direadh nan garbh-ghlac. I hurabh o, &c. Gabhail aidhir na frithe ’S a direadh nan garbh-ghlac; A leigeil na’n cuilein, ’S a furan na’n seanna-chon. ’S e ba deireadh do’n fhuran ud, Fuil thoirt air chalgaibh, O luchd na’n ceir geala; S na ’m falluinin dearga. I hurabh o, &c. O luchd nan ceir geala, ’S na’m faulluinin dearga, [TD 56] Le d’ chomhlain dhaoin uaisle, Rachadh cruaigh air an armaibh. Luchd aithneacha latha, ’S a chaitheamh na fairge, ’S a b’uirinn ga seoladh, Gu seol-ait’ an taraingt i. I hurabh o, &c. CUMHA OIGEAR AIR SON A LEANNAIN. An nochd gur faoin mo chadal dhomh, Sior acain na beil bh’uam, Do chomun le deagh-choimhnealachd, ’A dh’fhag mi o ’n raoir fo ghruaim. Gur tric mi ann an aisling leat, Gach uair da ’n dean mi suain; Trom-osnaich ’nuair a dhuiseas mi, Air bhith dha t-iundrainn bh’uam. Air bhith dhomh ’g-iundrainn suairceas bh’uam, ’S tu leagh mo shnuadh ’s mo bhla; O chaidh do ghaol air fuaradh orm, Cha dualach dhomh bhi slan. ’S ann riut a leiginn m’ uireasbhuidh Air ghleus nach cluinneadh cach, Dh’fhag taogasg mi cho-muladach, ’S gur cunntart dhomh am bas. Is mor ata do ghibhtin ort, Ata gun fhios do chach; Corp seang gun fheal gun fhalachd ann, Gur càs thu mhealladh graidh. ’S a liughad oig-fhear furanach, A thuilleadh orm an sàs, D’ an tugadh t-aodan faothachadh, ’S an t-aog ga ’n cur gu bas. Cha chuireadh gaol gu geilte mi, Na ’m freagradh tu mo ghloir, Gur e do chomhradh maighdeanail, Mo roghainn de gach ceol. ’S gur iomadh oidhch’ no -aoibhneach, Chum do chaoimhneas mi fo leon; Is biodh mi nochd a’ m’ aonaran, Ag smaointeach bean do neoil. Tha bean do neoil am braithreachas, Ri eala bhan nan speur; [TD 57] Gur binne leam bhi maran leat, Na clairsichin nan teud. Is tha do thlachd is t-aililleachd Aig cur do ghraidh an geill; Gur cosmhuil thu ri ailleagan, Da ’n umhlaich cach gu leir. Is beart a chlaoidh mo shocair thu, ’S a shocruigh ort mo ghaol; ’S gur e mheadaich tursa dhomh, Gun thu bhi dhomh mar shaoil. Sgeul fior a fheadar aireamh leam, Gur leir a bhla ’s a chaoin; Gu ’n d’ fhag gach gaoim a bh’ agam riut, An nochd mo chadail faoin. Gu ’n d’ rinn mi Alb’ a chuairteachadh, O Chluaidh gu uisge Spè; Is bean do neoil cha chualas Bu neo-luainiche na beus. Is corrach gorm do shuilean; Gur geal ’s gur dlu do dheud. T-fhalt buidhe ta na chuachaibh ort, ’S a shnuagh air dhreach nan teud. Thug mise gaol do riridh dhut ’Nuair bha thu d’ nionaig oig; Is air mo laimh nach dibrinn e Air mhile punnd dhe ’n or: Ge d’ fhaighinn fhin na chruintean e Ga chunntadh dhomh air bord; Cha treiginn gaol na ribhinne A tha ’n Ile ghlas an fheoir. RAGHAL AGUS CARISTINE. Togadh agus gluaisemid, Mar an dubhairt Raghal; ’S na deanamaid lua’-bheirt, Mar an dubhairt Raghal. An obair sin bu dual duinn, Mar an dubhairt Raghal; An acarsaid a bhualadh, Mar an dubhairt Raghal. ’S doigh leam gu bu mhagadh e, Arsa Caristine; Gu rachainse do ’n leabai leat, [TD 58] Arsa Caristine: Mu ’n tige Mac-an-Nabadh oirn, Arsa Caristine; Thoirt ur-sgartadh na madainn oirn, Arsa Caristine. Chunna mise roimhe so thu, Mar an dubhairt Raghal; ’S na ’n cuirinnse mu d’ chomhair e, Mar an dubhairt Raghal; Gu deanadhmaid ar gnothuichean, Mar an dubhairt Raghal; A’s chuireadhmaid a cosaspar e, Mar an dubhairt Raghal. Cuir do sgiath, ’s do chlaidhe ort, Arsa Caristine. Cuir do bhalg saighead ort, Arsa Caristine. Cuir do bhreacan dathun ort, Arsa Caristine; Mas’ aill leat mise laidhe leat, Arsa Caristine. Ha! chaile thatarach! Mar an dubhairt Raghal; An d’ thain’ thu anns an staid sin orm? Mar an dubhairt Raghal. Cha d’ rinn thu clo, no breacan domh, Mar an dubhairt Raghal; ’S gu b’fhearr dhomh fhein nach fhaicinn thu, Mar an dubhairt Raghal. Rinn mi breacan ’s an robh dathun dut, Arsa Caristine; Bha ’n dearg a bha lasail ann, Arsa Caristine; Bha ’n t-uaine bha san fhasan ann, Arsa Caristine; ’S am buidhe bha taitneach ann, Arsa Caristine. Rinn thu odhar cairti e, Mar an dubhairt Raghal; A’s dhàgh thu leis an lasair e, Mar an dubhairt Raghal. Chosg mi tri puinnd shasghunach ris, [TD 59] Mar an dubhairt Raghal; ’S gu b’fhearr leam fhein nach fhaicinn e, Mar an dubhairt Raghal. Rinn mi tana, dlu e, Arsa Caristine; Rinn mi leathun, rumail e, Arsa Caristine. D’fhognadh e do Dhughall, Arsa Caristine; ’S e uachdaran na ducha e, Arsa Caristine. Losgadh ort, a chubaich! Mar an dubhairt Raghal; A choimeas e ri Dughall, Mar an dubhairt Raghal. ’S e uachdaran na duch’ e, Mar an dubhairt Raghal; ’S cha b’fhiach leis bhi ga ghiulan, Mar an dubhairt Raghal. A Raghail duibh nan criomagan, Arsa Caristine; Dubh losgadh do chridhe chugad! Arsa Caristine. Ciod a chur a thighin thu? Arsa Caristine; Chur mi-thlachd mnai mo chinnich orm, Arsa Caristine. ’N am b’ oighre air Lochfine mi, Mar an dubhairt Raghal; Bhi gaill a paigheadh cise dhomh, Mar an dubhairt Raghal: Bu mhoide mo phris e, Mar an dubhairt Raghal; ’S cha b’fhiach leam Caristine, Mar an dubhairt Raghal. Ge d’ b’ oighre air Cuil-a-phocain thu, Arsa Caristine; Cha bhithinse fo t-ochanaich, Arsa Caristine. B’fhearr leam dol a chosnadh, Arsa Caristine; Mar d’thigeadh e gu dochair domh, Arsa Caristine. [TD 60] ’N am b’ oighre air Loch-odha mi, Mar an dubhairt Raghal; Bhiodh caoraich agus gobhair agam, Mar an dubhairt Raghal: Bhiodh taigh mor a’s adhal agam, Mar an dubhairt Raghal; A’s ghabhainn bean a roghainn ort, Mar an dubhairt Raghal. Am fad is beo, no ’s mairean thu, Arsa Caristine; Cha dlighear dhut am fearann sin, Arsa Caristine; ’S a choir a bh’ aig Mac Cailein air, Arsa Caristine. Fiu! fiu! b’ olc an airidh air thu, Arsa Caristine. A chaile dhubh a mhi-allin, Mar an dubhairt Raghal; Cha d’ rug thu mac, no ’nighean domh, Mar an dubhairt Raghal; ’S na ’m beireadh gu bu mhithich e, Mar an dubhairt Raghal; ’S an bhrist mi fhin mo chridhe riut, Mar an dubhairt Raghal. Lamh t-athar a’s do shean-athar e, Arsa Caristine; Na ’n deanadh tu gu fearail e, Arsa Caristine: Gu beirinse gu bannail e, Arsa Caristine; Neo chaillin fhein t-anam ris, Arsa Caristine. An losgadh ort uachaid! Mar an dubhairt Raghal; Cha leannan thu dhuin uasail, Mar an dubhairt Raghal: Ach ’s nighean do ’n cheard ruadh thu, Mar an dubhairt Raghal; Bu mhath am fear dhut tuathanach, Mar an dubhairt Raghal. Cha d’ chuimhnich mi innseadh dhut, Arsa Caristine; ’S bana-charaid do ’n righ mi, [TD 61] Arsa Caristine; Do Mhac Cailein nam pios mi, Arsa Caristine; ’S piuthar-athair Ghillecriosd mi, Arsa Caristine. An losgadh ort a ghurasglach! Mar an dubhairt Raghal; Cha ’n fhacadh mi do d’ chruinnealas, Mar an dubhairt Raghal. Ach mheud ’s a ni thu thuire dhomh, Mar an dubhairt Raghal, ’S tu bana-charaid na h-uile fir, Mar an dubhairt Raghal. Fear fann, gun bhi treasail thu, Arsa Caristine; Fear ruathar nan geadag thu, Arsa Caristine. ’N am thighin an fheasgair oirn, Arsa Caristine: Fear thomhas nam peiceag thu, Arsa Caristine. Chuir mi chun na h-airidh thu, Mar an dubhairt Raghal; A dheanadh im a’s caise dhomh, Mar an dubhairt Raghal. ’S an mhill thu mo chuid ail orm, Mar an dubhairt Raghal; ’S tu mireag ris na paisdean, Mar an dubhairt Raghal. Shaoil mi gu robh ulaidh agam, Arsa Cairistine; ’Nuair fhuair mi ann am chuili thu, Arsa Cairistine. Mo mhuthai fhein na ghurach agad, Arsa Cairistine; ’S do chròg gu ruig an uilinn ann, Arsa Cairistine. ORAN GAOIL. LUINNEAG. Mo chaileag bhian-gheal, mheall-shuileach, A dh’ fhas gu fallain, fuasgailt’; Gur trom mo cheim o ’n dhealaich sinn, Aig Clachan Ghlinn-da-rua’il. [TD 62] Di-donaich rinn mi cholachadh, Bean og ìs moadhaír gluasad; Tha ’guth mar cheol na smeoraiche, ’S mar bhile ’n rois a gruaidhean. Mo chaileag, &c. ’S caoin a seang slios furanach, Neo-churi, a ceim uallach; Tha ’gairdean ban gle chumadail; ’S deud lurach n’ a beul guamach. Mo chaileag, &c. ’S ro fhaicilleach ’n a coradh i, Gun sguilm, gun sgleo, na tuaileas; Gur flathail coiseachd sraide i, Air bheagan stait na guaineis. Mo chaileag, &c. Ged bheireadh SEORAS aite dhomh, Cho ard ’s a tha measg uaislean; Air m’ fhacal ’s mor a b’ fhearra’ leam, Bhi ’n Coir-chnaimh nam bhuachail. Mo chaileag. &c. O ’s truagh nach robh mi ’s m’ ailleagan, Air Airi cois na ’n fuar-bheann; Bu shocair, seimh, a chaidilinn, ’S i m’ achlais air an luachair, Mo chaileag, &c. Ach ’s eagal leam le m’ cheileireachd, Gu ’n gabh an seissin gruaim rium: Ged fhog’ras iad do ’n Olaind mi, Ri m’ bheo cha toir mi fuath dhut. Mo chaileag, &c. CUMHA MAIGHDEIN AIRSON A LEANAINN. Tha mo chridhe ciuirte, ’S neo shunndach mi ’n drasd: Mu dheighinn an fhiurain, Dh’ fhag an duthaich di-mairt. Mu dheighinn an oigeir, Is boidhche no cach; Gur gil’ thu fo d’ chota, Na ’n sneachd og air a bhlar. Ach Oganaich threibhich, ’S mor t-fheum anns gach càs; Gur mor thug mi speis dut, ’S cha bhreug tha mi ’g radh. [TD 63] Gur mor thug mi ghaol dut, Ge faontrach mi ’n drasd; ’S gus an dean thu pilltinn, Bidh m’ inntinn fo phramh. Tha mo chridhe mur an luaidhe, Cha ghluais e ach mar lic; Ged theid mi measg oigridh, Chan ol mi ’s chan ith. Tha m’ aigne trom fo thurs Gar an ruisg mi e ri cach; Mu dheighinn an fhiurain, Dh’ fhag an duthaich di-mairt. Oig ghasda a chuil dualaich, Marcach uaibhreach nan srann; B’ e sud an ni bu deoin leat, Bhi ’n coisridh nach gann. Cha b’ ann mar bhalach, na mar umaidh, A ruisgeadh leat cainnt; Beul a labhradh an fhirinn, Mar gu ’n sgribhte i le peann. Mar ur-ros an garadh, A d’ fhas air mheang dris; Ceann taighe na ’m fear ura, Mar chraoibh a lubadh le meas. Gur mise bha ro dheonach, Air do phosadh gun fhios; B’ fhearr na mar rinn thu m’ fhagail, Mo charadh fo lic. O ’s beag an t-iongnadh dhomh-sa, Bhi bronach ad dheigh; ’Sa liughad latha bha sinn, A maran leinn fein: A mire ’s a cluaineis, An uaigneas air chach; ’S ma dh’ fhalbh thu thar chuantain, Mo thruair mi, gu brath. ORAN SUGRAIDH. LE DONNACHADAH MAC AN T-SAOR. ’Si nighean mo ghaoil An nighean donn og; Nam biodh tu re m’ thaobh, Cha bhithinn fo bhron; ’Si nighean mo ghaoil, An nighean donn og. [TD 64] ’Si Marai Nic-Neachdainn Is daicheile pearsa, Ghabh mis’ uiread bheachd ort Ri neach a tha beo. ’Si nighean, &c. ’Nuair sheallas mi t-aodainn, ’S mi ’n coinneamh ri t’fhaotainn, Gur math leam nam faodainn Bhi daonann a’d’ choir. ’Si nighean, &c. O’n a thug thu dhomh gealladh, ’S ann dutse nach aithreach, ’S cha’n fhaic iad thu ’n ath-bhliadhn’ A’d’ bhanaraich bho. ’Si nighean, &c. Cha d’ theid thu do’n bhuaile, A bhleothan cruidh ghuaill-fhionn; Cha chuir thu ort cuaran, ’S gur uallach do bhrog. ’Si nighean, &c. Cha ’n fhoghnadh le m’ chruinneig, A’ bhuarrach no chuinneag, ’S cha chluinnear gu’n cumadh Tu cuman a’d’ dhorn. ’Si nighean, &c. Cha d’ theid thun Bhad-odhair A leigeadh nan gobhar, ’S minn bheag as an deothaidh ’G an deothal mu’n chro. ’Si nighean, &c. Cha leig mi thu ’n fhireach Thoirt a’ chruidh as an innis, Air eagal na gillean Bhi sireadh do phog. ’Si nighean, &c. Cha taobh thu duin’-uasal, ’S cha ’n aill leat am buachaill, ’S cha ’n fhearde fear-fuadainn Bhi cruaidh air do thoir. ’Si nighean, &c. Cha taobh i fear idir, Air eagal mo thrioblaid; ’S cha toilich te mise Ach ise le deoin. ’Si nighean, &c. [TD 65] Si ribhinn a bhaile, Tha sir-thigh’n air m’ aire; Nam bitheadh i mar rium, Cha ’d fharraid mi stor. ’Si nighean, &c. Bheir mis’ thu Dhun-eidin, A dh’ionnsacha’ beurla; ’S cha ’n fhag mi thu t’eiginn, Ri spreidh an fhir mhoir. ’Si nighean, &c. A’nighean na gruaige, Cha chreidinn ort tuaileas; O’n a tharruing mi suas riut, Cha ’n fhuath leam do sheol. ’Si nighean, &c. ’S e mheudaich mo ghaol ort Gu’n d’ fhas thu cho-aobhach, ’S gu’n leumadh tu daonnan Cho aotrom ’s na h-eoin. ’Si nighean, &c. ’S ’n togarrach laoghach A thogainn mar roghainn, Nam bithinn a’ taoghal San taigh am bi’n t-ol. ’Si nighean, &c. Gu’m b’ fhearde daoin’-uaisle ’N am thionnda’ nan cuach thu, A thoirt luineagan-luaidh dhoibh, Mu’n cuairt air an stop. ’Si nighean, &c. ’S leat urram an dannsaidh, ’S an fhidheal ’na teann-ruidh; Bu chridheail san am thu, ’S an dram air a’ bhord. ’Si nighean, &c. ’S tu fhreagradh gu h-inneallt Am feadan ’s an ribheid, A sheinneadh gu fileanta Ruidh-leumnach ceol. ’Si nighean, &c. ’S tu thogadh mo spiorad, ’Nuair a theid thu air mhirre Le d’ cheileiribh binne, [TD 66] ’S le grinneas do bheoil, ’Si nighean, &c. Leis na ghabh mi do cheisd ort, Am madainn ’s am feasgar, Dheannainn riut cleasachd A’s bead’ra gu leoir. ’Si nighean, &c. Dheannain riut furan Am bliadhn’ a’s an uiridh; Bu docha na’n t-uireasbhuidh, Tuill’ a’s a’ choir. ’Si nighean, &c. FAILTE NA MOR-THIR. LE ALASDAIR MAC DHONUILL. LUINNEAG. H-eitirin airin uirin o h-o ro, H-eitirin airin ho-o ro. Failt’ ort fein, a Mhor-thir bhoidheach, Anns an og-mhios bhealtuinn. H-eitrin, &c. Grian-thir or-bhuidh, ’s uaine cota, ’S froinidh ros ri h-altaibh. H-eitrin, &c. Le biadh ’s le dibh a’ cuir thairis; Cha d’theid Earrach teann orr. H-eitrin, &c. ’S ianach, lurach, slios a tulaich, S duilleach ’mullach chrann innt. H-eitrin, &c. A choill gu h-uile fo lan-duilleach; ’S i na culaidh-bhainnse. H-eitrin, &c. ’S bainneach, bailceach, braonach glacach, Bruachan tachdrach, Ailleart. H-eitrin, &c. Uisge fallain, na’n clach geala, Na do bhaile Geamhraidh. H-eitrin, &c. ’S lionach, slatach, cuibhleach, breacach, Seile ghlas nan samhnan. H-eitrin, &c. Mor-thir ghlan, nam bradan tarra-gheal; ’S airgead a cuir lann orr’. H-eitrin, &c. [TD 67] Tir lann sonais, saor o dhonus; Gun dad conais drandain. H-eitrin, &c. Seirceach, caidreach, gun dad sladachd; Saor o bhraid, ’s o anntlachd. H-eitrin, &c. ’S aluinn a beinnean ’sa sraithean; ’S eibhinn dath a gleanntan. H-eitrin, &c. Graidhean dhearg a’ tamh ma fireach, Eilid bhiorach, ’s mang aic’, H-eitrin, &c. Boc air daradh timchioll daraig, ’N deigh a leannain cheann-deirg. H-eitrin, &c. Searrach bhuicin anns an ruicil; ’S e sir chruiteil dhannsaidh. H-eitrin, &c. Na meinn bheaga ’s iad ri beadradh, Anns na creugan, teann air. H-eitrin, &c. Coilich choille, ’s iad ri coilleig, Anns an doire chrainntail. H-eitrin, &c. Cnothach, caorach, dearcach, braonach, Glasrach, raonach, aibhneach. H-eitrin, &c. ’S deiltreach, laomach, meiltreach, caointeach, A fuinn mhaoineach, leamhnach. H-eitirin, &c ’S cubhraidh suthan, ’s badach luibhean, Ris a bhruthainn ann-teas. H-eitirin, &c. ’S feurach, craobhach, luideach, gaolach, An tir fhaolaidh sheannsail. H-eitirin, &c. Grian a g-eiridh ’g-oradh sleibhe; ’S beachan gheug ri srannraich. H-eitirin, &c. Seillein ruagdha diogladh chluaran; ’S mil ga buain le dranndan. H-eitirin, &c. Breac le sulas leum a buinne, Ruidh nan cuileag greannar. H-eitirin, &c. [TD 68] Barr gach tolmain fo bhrat gorm-dhearc, Air gach borachan alltain. H-eitirin, &c. Lusan cubhraidh mach a’ bruchdadh; ’S cuid diubh cul-ghorm, bainn-dearg. H-eitirinn, &c. ’S ceolar eibhinn, barr gach geige; ’S an eoin feinn a danns’ orr’. H-eitirin, &c. Crodh air dair, am barr an fhasaich, ’N fheoir nach d’fhas gu crainntidh. H-eitirin, &c. ’S iad air theas a’ ruidh le ’m buaraich; ’S te le cuaich gan teann-ruidh. H-eitirin, &c. ’S miosrach, cuachach, leabach, luachrach, Dol gu buaile ’s t-samhradh. H-eitirin, &c. ’S onach, uachdrach, blathach, cnuachdach, Lon nam buachail annta. H-eitirin, &c. ’S imeach, gruthach, meogach, sruthach, An imirich shubhach, shlambach. H-eitirin, &c. Deoch gun tomhas, dol far comhair; Gun aon glothar gainntir. H-eitirin, &c. DUANAG GHAOIL. LE BAINN-TIGHEARN-’ILLE-CHALUM RASA; ’NUAIR A BHA I NA MAIGHDAINN OIG. LUINNEAG. Thainig an gille dubh, ’N raoir na bhaile-so; ’S trom mo cheum, On threig do ghealladh mi. Gur mis tha gu tinn, Le goirteas mo chinn; S ged reach mi na chill, Cha phill mo leannan mi. Thainig an gille, &c. ’S e m’ ulaidh ’s mo ghradh, Fear dubh agus ban; Cha’n innis mi chach, [TD 69] Gu brach, do ghealladh dhomh. Thainig an gille, &c. ’N gille dubh caol, Na laidhe san fhraoch; Sa ghunna ri thaobh, B’e ’n fhaodail fhalaich e. Thainig an gille, &c. ’S tu marbhaich an fheigh, ’S a chaolaich air geig, ’Sa bhric air an leum ’S gun reibhte ’n eala leat. Thainig an gille, &c. ’Nuair lubadh tu ’n glun, Sa chaogadh tu ’n t-suil; Bhiodh eilid nan stuchd, ’S a cul ri talamh leat. Thainig an gille, &c. Gur guirme do shuil, Na ’n dearcag fo’n driuchd; ’S gur finealt do ghnuis, No ur-ros mheaghanan. Thainig an gille, &c. Ma bheannachd ad dheigh, Ma dh’ fhag thu mi fein; Ach guidheamaid ceile, Beusach, banail dut. Thainig an gille, &c. ORAN FAIRGE. LUINNEAG. Thuird an gille, ’s tu mo laochan; An gille dubh, cridheil, gaolach: Thuird an gille, ’s tu mo laochan. Di-satharn a rinn sinn gluasad, Le gaoth tuath a bharr an aonaich. Thuird an gille, &c. Bha siuil ur’ an aird a crannaibh, Fagail acarsaid a chaolais. Thuird an gille, &c. Dh’fhas na neoil air dhath na lasrach; ’S shad an cafadh far na maoil oirn. Thuird an gille, &c. Rinn an fhairge chuin oirn eiridh; Mar chuan beucach, anns na faolich. Thuird an gille, &c. [TD 70] B’uamhasach na tonnan samhraidh, ’S nial a gheammhraidh air an aodan. Thuird an gille, &c. Nuair thana’ fuaradh na froise, Dh’fhalbh an seol tosaich na chaoban. Thuird an gille, &c. Thuird an gille dubh ’s e g-eiridh, Cha d’theid i dh’ Eirinn ma dh’ fhaodas. Thuird an gille, &c. ’Se mo ghille dubh bha treubhach, ’Nuair thaom an seideadh san aodach. Thuird an gille, &c. Ma bhios tu dol tric an gabhadh, Theid do bhathadh, uair nach saol thu. Thuird an gille, &c. Na biodh agam fiudaidh laidir; Cha bhaite mi ri do shaoghal, &c. Thuird an gille, &c. Fhuair sinn cala tamh an Lochlain, Far bu mhath an losaid* chraobhach. Thuird an gille, &c. AN NIGHN DONN. LUINNEAG. Tha mo cheist an nigheam donn, Air an deis’a dheireadh fonn: Gheibhinn cadal leat air tom, ’S cha bhidhinn trom a g-eiridh. Tha do bheul gu tana dearg, Tha do shuil gu corrach gorm; ’S mi gu ’n siubhladh leat air falbh, A null thar fairg’ a dh’ Eirinn. Tha mo cheist, &c. Thainig teacheaire na mo chaint, Dh’ innse dhomh gu’n robh mo chall; Ga dheanamh sa’ bhail’ ud thall, ’S a’n nigh’n donn na h-eigin. Tha mo cheist, &c Shaol leam nach do rugadh riabh, Te cho pailte riut an ciall; Gus an cualadh mi’n sgeul fiar, Gu ’m robh thu ’s Nial a reiteach. Tha mo cheist, &c * Fasach. [TD 71] Dhuisg mo chorraich ’s las m’iad, Thu bhi dhomh a’ deanamh bhriag; Dh’ fhas mi mar dhuine gun chiall, Air son an sgial a dh’ eisd mi. Tha mo cheist, &c. ’Nuair ranaig mi taigh-an-duin, Thuig mi ceart mar a bha chuis; Fhuair mi ’n charaid a cuir dhiu, ’Siad gun fuidh an leine. Tha mo cheist, &c. Tha thu ann an sin, a ri! ’S math leam t-fhaotainn anns na lin; ’S ma tha na fir air do thì, Mo lamh nach pill mi-fein iad. Tha mo cheist, &c. CUMHA MHIC CRUIMEIN.—(FROM AN OLD MS.) Dh’iadh ceo nan stuchd ma aodain Chulain* Gun sheinn a bhean-shì a torghan mulaid: Tha suile gorm, ciun, san Dun ri sileadh; On thriall thu bh’uain, ’s nach pill thu tuile. Cha phill, cha phill, cha phill M‘Cruimen, Ann cogadh, no sith, cha phill e tuile: Le airgead, no ni, cha phill M‘Cruimen; Cha phill gu brath, gu là na cruinne. Tha osag nan gleann, gu fann a g-imeachd; Gach sruthan ’s gach allt, gu mall le bruthach: Tha ialt’ nan speur, feagh gheugan dubhach, A’g caoi’ gun dh’fhalbh, ’s nach pill thu tuile. Cha phill, cha phill, &c. Tha’n fhairge fadheoidh, lan broin a’s mulaid; Tha ’m bat’ fo sheol, ach dhiult i siubhal: Tha gair nan tonn, le fuaim neo-shubhach, A radh gun dh’fhalbh, ’s nach pill thu tuile. Cha phill, cha phill, &c. Cha chluinnear do cheol, san Dun ma fheasgar, No talla-mhac na mùr, le muirn ga fhreagairt: Gach fleasgach, a’s oigh, gun cheol, gun bheadradh, On thriall thu bh’uain, ’s nach pill thu tuile. Cha phill, cha phill, &c. * The highest mountain in the Isle of Skye. [TD 72] EIRINN GU BRACH. Thainig dh’ionnsaidh na traghad, bochd fhogarach o Eirinn; An driuchd air a thrusgan laidh trom agus fuar; Bha e caoidh a dhu’ch’ ’se ma dhorchad nan speuran, Na aonar fo shiontan a’ faontradh mun cuairt: Ach air reulla na maidne ghrad bheachdaich a shuilean, ’S i g-eiridh gu buaghach thar Innis cuain, a dhuthchais, Far a’m b’a bhaist dha og fonn orain a dhusgadh, A’ sinn gu h-ait eutrom dan Eirinn gu brach. O! ’s truagh tha mo chor! ars’ an coigrach ’sa chri’ craidhte Gheibh fiadh ’s madraidh all’ aite fasga gu tamh; Ach cha n’ eil dhomhsa tearmunn o ghort no o ghabhadh, Mo dhachaidh, mo dhuthaich, mo chul ribh gu brach. Gu brach ann a fasga na’m badan gorma, blatha; Far an robh mo shinnsear, cha chaith mi mo laithean, Le fiadh-lusan boidheach, cha chodaich mi chlarsach, ’S cha tog mi bho theudan ceol Eirinn gu brach. Eirinn mo dhuthaich! ge tursach fo thair’ mi, Am bruadar do ghnath, bidh mi t’aladh ga d’ choir; Ach ’nuair dhuisgeas mi moch, an tir choimhich, a ta mi, A caoidh na’n caomh chairdean nach faic mi ni’s mo. O! ’s cruaidh an dan! gu’n bhi ’n àit’ air mo charadh, Far a’m bithinn fo dhidean—an sith o gach grabhadh! A’ chaoidh, cha chuir failte le gradh air mo bhraithrean, Ga m’ chaoi cuid fhuair bas, ’s na tha lathair ga m’ bhron. C’ait’ am beil mo bhothan, am fochair na’ caoilltich? Ghuil m’athair ’s mo phiuthar, ’nuair thuit e gu lar; C’ait’ am beil mo mhathair, a dh’ araich mi ’m naoidhean? Is c’ait’ am beil mo cheud-ghradh ’n robh m’ eudal thar chach? O! m’ anam bronach! rinn solas do dhiobairt, Creud fath na chuir thu t-uigh ann an dochas neo-bhriar? Ge’d shileas mo dheoir bh’uam mar dhortadh na dile, Cha phill muirn a’s mais air an ais leo o’n bhas. Ach gach cuineachan truaighe sa’n uair, so ga chiosnach’, Aon achanich bais a’ m’uchd pramhail ni tamh; Eirinn, mo bheannachd biodh agad-sa mar dhileab; Fearann mo shinnsearachd, Eirinn gu brach! ’Nuair bhios anns an uaigh, mo chri’ fuar ’s e gun ghluasad, Innis na mara! do mhachraichean biodh uaine! ’S do bhaird, le guth ard, seinn ri’n clarsaichean fuaimneach, Eirinn, mo mhuirnein! Eirinn gu brach! BELL AND BAIN, PRINTERS, ROYAL EXCHANGE COURT.