[DA 1] AN Authentic Narrative OF THE LIFE OF JOHN NEWTON, LATE RECTOR OF ST MARY WOOLNOTH, LONDON; AND A MONUMENT TO THE PRAISE OF THE LORD’S GOODNESS, AND TO THE MEMORY OF DEAR ELIZA CUNINGHAM. BOTH ORGINALLY WRITTEN BY MR NEWTON, AND NOW TRANSLATED INTO GAELIC, BY DONALD M‘GILLIVRAY, A. M. EDINBURGH: PRINTED FOR OGLE, ALLARDICE, AND THOMSON, PARLIAMENT SQUARE; AND M. OGLE, WILSON STREET, GLASGOW. 1817. John Pillans, Printer. [DA 2] EACHDRAIDH BEATHA EOIN NEUTON, AGUS ELISA CUNINGHAM, AIR AN TARRUING O’N BHEURLA CHUM GAELIC. “Stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhoibh; trid cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; ni mi an dorchadas na sholus rompa, agus ni mi slighean fiara dìreach na nithe so ni mi air an son, agus cha tréig mi iad.”—ISAI. xlii. 16. “Tha mi mar aobhar iongantais aig moran.”—SALM. lxxii. 7. EDINBURGH: PRINTED FOR OGLE, ALLARDICE, AND THOMSON, PARLIAMENT SQUARE; AND M. OGLE, WILSON STREET, GLASGOW. 1817. [DA 3] [Bàn] [TD 1] LITIR I. FHIR urramaich agus ghràdhaich. Cha’n’eil mi ann an amharus nach robh smuaintean taitneach agad, air uairibh, air a ghealladh sin a chaidh thoirt do na h-Israelich, Deut. viii. 2. Bha iad an uair sin anns an Fhàsach, air an cuairteachadh le deuchainnibh, a bha gu mor air am meudachadh, le’m mi-chreidimh agus l’en ceannairc féin. Thachair caochladh nithe riu, nach b’urrainn iad fathast a thuigsinn ciod bu chiall doibh; chaill iad gu tric sealladh do rùna grasmhor Dhé do’n taobh, agus bha iad ann an tur lag-mhisnich air son na slighe. Chum an inntinn a shocrachadh agus a bheothachadh, tha Maois ag innseadh dhoibh, gu’n robh aimsir shona teachd dlùth dhoibh, ’nuair a bhiodh an turus agus an cogadh air an criochnachadh; gu’m biodh iad gu h-aithghearr air an cur ann an sealbh air tìr a gheallaidh, agus gu’m biodh fois aca on’uile eagalaibh, agus thrioblaidibh; agus an sin, bheireadh e taitneas dhuibh sealltuinn air an ais, air an ni a ta iad a nis a fao- [TD 2] tainn cho duilich r’a ghiulan—“Cuimhnichidh tu an t-slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu troimh an Fhàsach.” Ach a ta cudthrom agus comhfhurtachd nam briathra-sa ni’s mò, ma ghabhas sinn beachd orra ann an seadh spioradail, mar air an labhairt ris na h-uile a ta dol troimh fhàsach an t-saoghail a dh’ionnsuidh a Chanaain fhlaitheil; muinntir trìd creidimh ann an geallaibh agus cumhachd Dhé, tha ’g’iarruidh fois shiorruidh anns an rioghachd nach fheudar a chrathadh. Tha earbsa na h-oighreachd ghlormhòir sin a’beothachadh annainn beagan misnich, agus eud, gu dian-ruith a dh’ionnsuidh an ionaid d’am bheil Josa cheana air dol a stigh mar ar roimh-ruith-fhear; agus an uair a ta ar sùil suidhicht’ air-san, tha sinne tuille is n’ar luchd buaidh thar na h-uile a chuireadh an ’aghaidh ar soirbheachaidh. Ach cha d’ràinig sinn e cheana; tha sinn fathast a’ mothachadh anmhuineachd ar nàduir pheacaich: troimh fhuigheall an aineòlais, agus a mhi-chreidimh, tha sinn gu tric a’gabhail beachd mhearachdach air buntuinn an Tighearna ruinn, agus tha sinn ullamh air gearan a dheanamh, ’nuair nan tuigeamaid an t-iomlan, bu mhò a dheanamaid gàirdeachas. Ach chugainne mar an cendna tha àm a’ teachd, ’nuair a bhios ar cogadh air a chrìochanachadh, ar sealladh air a chur ann am farsuingeachd, agus ar solus air a mheudachadh; an sin ciod e meud an urraim naomha, agus a ghràidh, leis an seall sinn air ar n’ais air an t-slighe air an do threòraich an Tigh- [TD 3] earna sinn! Ann an sin chi sinn, agus aidichidh sinn, gur tròcair agus maitheas a sheol sinn anns gach ceum; chi sinn, na nithe sin ris an dubhairt ar n’aineolas àmhghar, agus olc, gu’n robh iad gu cinnteach nam beannachdan as eugais nach fheudadh sinne a bhi ceart; nach do thachair ni dhuinn gun aobhar; nach d’thàinig trioblaid oirnn ni bu luaithe; nach do luidh i oirnn ni bu truime; nach do mhair i ni b’fhaide; na bha ar staid ag iarruidh;—ann an aon fhocal gu’n robh lìonmhoireachd ar trioblaidean, gach aon na h-àite féin, am measg nam meadhon air an cleachdadh le gràs agus gliocas Dhé, gus ar tabhairt gu sealbh a’ chudthroim ro-mhoir agus shioruidh do ghlòir, a dh’ullaich an Tighearn airson a phobuill. Agus eadhon anns an staid neo-iomlan so, ged nach ’eil sinn gu tric comasach air breith cheart a thoirt air ar cùisibh; gidheadh ma sheallas sinn air bliadhnaibh ar n’ aimsir a chaidh seachad, agus ma choimeasas sinn na freasdailean trìd ’na threòraicheadh sinn, ri fonn ar n’inntinn anns gach àm fa leth; ma bheir sinn fainear co iongantach ’sa bha aon ni air a cheangal ri ni eile, air chor as gu’n robh na nithe sin a ta sinne nis a’ meas mar ar beannachd is mò, aig toiseachadh o nithibh nach do shaoil sinn gu bfhiù dhuinn an aire thoirt dhoibh; agus gu’n deachaidh sinn as air uairibh o na cunnartaibh ’smò a bha gar bagairt cha b’ann le ar gliocas, no roimh-fhiosrachadh féin, ach le teachd a steach chùisean, nach d’iarr sinn, agus air nach do smuainich sinn—deirim an uair [TD 4] a choimeasas agus a smuainicheas sinn air na nithibh so, leis an t-solus a ta air a thoirt dhuinn anns na Scriobturaibh Naomha, gu’m feud sinn a cho-dhùnadh le cinnteas, eadhon o ar gnothaichibh beaga féin, gu bheil freasdal glic agus math Dhé a’deannamh faire os cionn a phobuill a cheud mhionaidibh am beatha, gu’m bheil e gan ard-riaghladh, agus ’gan d`ion trìd an uile sheachrain ann an staid an ain-eolais, ’gan treòrachadh air an t-slighe nach aithne dhoibh—gus fadheòidh gum bheil freasdal agus gras a’ co-aontachadh anns na cùisibh, agus anns na smuaintibh a ta ’gan toirt gu eolas airsan agus orra féin. Tha mi cinnteach le beag smuaineachaidh, gu’m faic gach uile chreidmheach ni’s leòr ann a chor féin gus am beachd so dh’ainghneachadh, ged nach fhaic iad uile e anns an aon tomhas. Tha staid mhoran an leth muigh, gun chaochladh-cha dfhuair iad aithne air mòran atharrachaidh ann am beatha-agus do thaobh an atharrachaidh anns a leth a stigh, bha e air a thoirt mu’n cuairt ann an dòigh uaigneach anfhiosrach dhoibh féin, agus gun a bhi air fhaicsinn le muinntir eile. Labhair an Tighearna riu, cha b’ann ann an tairneanach no ann an doininn, ach le guth ciùin caol; tharruing e iad chuid sa’ chuid d’a ionnsuidh féin, air dhòigh a’s ged tha dearbhachd shona aca do’n ni, gu bheil gràdh aca dha, agus gu’m bheil iad air dol thairis o bhàs gu beatha, gidheadh, mu’n dearbh àm, agus mu’n dòigh cha’n’eil e air chomas dhoibh mòran cunntais a thoirt.—Tha e sonrachadh muinntir eile [TD 5] mach gu bhi feuchainn ro-mheud saibhreis a’ ghrais agus mòrachd a thrèin chumhachd. Tha e leigeil srein fhuasgailte le ceannairc an nàduir, agus le olc an cridheacha; ’nuair a ta peacaich nach robh idir co comharaichte riusan, air an gearradh as, gun a bheag rabhaidh fhaotainn, tha iad so air an caomhnadh ged tha iad a peacachadh leis an làimh laidir, agus mar gu’m b’ann a’ dealbh an sgrios féin. An ceann ùine fhada, theagamh, ’nuair a ta na h-uile do’m b’aithne iad an dùil gu’n cluinn iad mu’n timchioll, gu’m bheil dioghaltas comharaichte air a chur an gnìomh orra leis Tighearna (aig am bheil a smuaintean co-ard os cionn ar smuainte-sa is a ta neamh os cionn na talmhainn) ’gan spìonadh mar àmhailte as an teine, agus ’gan deanamh’nan comhara-cuimhne air a thròcair, airson misnich do mhuinntir eile; tha iad thar gach uile earbsa, air an soillseachadh, a’ faotainn maitheanais, agus air an atharrachadh. Tha leithid so do chor a’ taisbeanadh cumhachd Dhé co math’s a ta cruthachadh saoghail. Is ni cinnteach gur e so deanadas an Tighearna, agus is iongantach e ann an suilibh nan uile nach ’eil air an dalladh le claon-bhreith agus mi-chreidimh. B’ann d’an leithidibh so bha Saul a rinn geurleanmhuinn, bha a chridhe làn naimhdeis an aghaidh Josa o Nasaret, agus uime sin rinn e geurleanmhuinn air, agus mhàrbh e a dheisciobuill. Bha e na uamhan do’n eaglais ann an Jerusalem, agus e dol gu Damascus leis an n’inntinn cheudna.—Bha e fathast a’ seideadh a mach bagraidh agus màrbhaidh an aghaidh nan uile leis am b’ionm- [TD 6] huinn an Tighearn Josa. Bu bheag leis an t-olc a rinn e cheana; thàinig e fo cheangal, gu’n cuireadh e as do’n luchd creidimh so gu h-iomlan; agus a’ deanamh cabhaig o thigh gu tigh, agus o àite gu àite, bha grath ’na ghnùis, agus bagradh anns gach anail a leig e mach. Be so an spiorad agus a ghnè do’n robh e ’nuair a chuir an Tighearna Josa, do’n dthug esan fuath agus an aghaidh an do chog e, stad air, ann an aird’ a chorruich, ghairm è am fear-geurleannmhuinn so gu urram abstoil; agus bheothaich sè è le mòr eud agus dùrachd gus a chreidimh a shearmonachadh a bha e o chionn ghoirid a’ sgrios. Ni mò tha sinne gun taisbeanadh sonruicht againn air a’ ghràs ard uachdranach bhuadhach cheudna ann ar laithibh féin—Feudaidh mi gu h-àraidh Coirneal Seumas Gardner, nach maireann, ainmeachadh. Nam biodh fior thoilinntinn r’a fhaotainn ann an caithe-beatha peacach, gheibheadh esan a mach e, oir d’fheuch e ris, leis gach uile chothrom air a thaobh. Bha e air a chleachdadh ris an olc; agus cha d’rinn iomadh fuasgladh neo-tghnà-thaichte, agus ionann is miorbhuileach, taiseachadh air bith air. Gidheadh rinneadh esan mar an ceudna toilicht’ ann an latha cumhachd Dhé: Agus thug eisiomplair dhealrach a bheatha air a soilleirachadh, agus air a sgaoileadh, leis a’ chunntas a ta air a sgriobhadh ma thiomchioll o chaochail e, aobhar mhoir mholaidh do Dhia, agus mhor chomhfhurtachd d’a phobull. An déigh luaidh a thoirt air an leithidibh so do ainmibh, an ceadaich thu dhomh m’ainm [TD 7] féin a chur riu? Ma ni mi so ’sann le eadar-dhealachadh ro-ìosal. Chinn iad so a bha aon uair ’nam peacaich chomharaichte ’nan Criosdaidhean treibhdhìreach: mhaitheadh mòran dhoibh, uime sin ghràdhach iad gu mòr. B’urrainn Pol a ràdh “Cha robh an gràs a bhuilicheadh orm gun bhrìgh oir shaoraich mi ni’s pailte na iad uile.” Bha Coirneal Gardner mar an ceudna mar bhaile air a thogail air cnoc; “na sholus lasrach agus dealrach;” Is gann a bha iompachadh ni b’iongantaiche na bha chaithe beatha gu h-iomlan an déigh sin gu là a bhàis. Ach is e fàth mo bhròin-sa, nach fheud mi an coimeas a leantuinn ni’s faide. Cha robh a chuis mar so maille riumsa; is eigin dhomh nàire ghabhail dhomh féin, do bhrigh gu’n d’rinn mi ath-dhioladh ro-neo iomchuidh airson na fhuair mi. Ach ma tha cheisd mu thimchioll foighidin, agus fad-fhulangais Dhé, agus eadraiginn a fhreasdail as leth peacaich neo-airidh, cumhachd a ghrais ann an taiseachadh à chridhe is cruaidh, agus saibhreas a throcair ann am mathadh nam peacanna ’smò, agus is antromaichte; ann ’sna beachdaibh so cha ’n aithne dhomh cor ni’s iongantaiche na mo chor féin. Agus gu deimhin is lionmhor iad do’n d’innis mi mo sgeul, bha do’n’ bheachd gu bfhiù i a cur air chuimhne. Cha dthug mi riamh cunntas aithghearr ann an sgrìobhadh mu thimchioll buntuinn an Tighearna rium gus o chionn ghoirid; oir bha mi air mo chumail air m’ais, air an aon laìmh le duilgheas sgriobhaidh gu ceart an uair a ta fein [TD 8] ’sa chùis; air an laìmh eile, leis a mhi-fheum a ta muinntir do inntinn thruaillidh agus cheannaircich a’ deanamh do leithid so do sgeul. Tha ’n Salmadair ’g’innseadh dhuinn gu bheil tosdachd anns na cùisibh so iomchuidh ’nuair a deir e “Thigibh do’m ionnsuidhsa sibhse uile air am bheil eagal Dè, agus innsidh mi dhuibh ciod a rinn e airson m ’anma.” Agus tha an Tighearn ag àithne d’a dheisciobluibh “gun an neamhnuidean a thilgeadh ’am fianuis nam muc.” Theagamh gur iad neamhnuidean a’ Chriosduidh fhaireachdana araidh air cumhachd agus gràdh an Tighearna ann an gnothaichibh anma; agus cha bu chòir iad so a dheanamh aithnichte anns gach càs, air eagal as gu’n toir sinn fath fochaid do mhuinntirr chollaidh thalmhaidh. B’iad so na h-aobharan araidh a chum maille ormsa gus a nis; ach o chionn bheagan sheachduinean ghéill mi do bharail agus iarrtus caraid mheasail, agus chuir mi da ionnsuidh cunntas iomlan ann an ochd litrichibh. Thàinig so gu crìch air nach do smuainich mi; sgrìobh mi gu aon neach, ach thàinig mo litrichean gu làmhaibh mhorain am measg muinntir eile tha mi a’ faicinn gu’n d’thàinig iad gu d’ laìmh-sa, agus ann an aìte mo choireachadh airson a bhi fadalach agus mion (a’ choire bha r’a chur as mo leth,) is ann a tha thu ’g’iarruidh cunntais ni’s ’sonruicht. Do bhrìgh gu bheil thusa, agus cuid eile do m’ chairdean do’n bharail gu’m feud mo ghéilleadh do’n iarrtus so a bhi feumail, agus gu’m bi e chum cur air aghaidh na h-oibre thaitnich sin, cliù an [TD 9] Fhir Shaoruidh, gu’n daingnich a creidimh cuid eigin d’a phobull, tha mise toileach a bhi umhal; tha mi a’cur cùil ri mo riasunachadh féin mu mo neo-iomchuidhachd gu’m biodh mo sgeulsa air a deanamh co-follaiseach. Ma bhios Dia air a ghlòrachadh do m’ thrìdsa agus gu’m faigh a’ chlann, ann an tomhas air bith, comhfhurtachd no foghlum leis na bheil agam-sa r’a chur an céill m’a mhaitheas, bithidh mìse toilichte; agus tha mi réidh ris gach ni eile a dh’fheudas tachairt ann sa ghothach-so fhàgail ’na làmhaibhsan ta’ deanamh gach uile ni gu math. Is eigin dhomh ath-philleadh gu mo mheoghair, do bhrigh nach do ghléidh mi dùblachd do na litrichean a chunnaic thusa. Co fad sa ta e air chomas dhomh cuimhneachadh air na sgriobh mi cheana, cuiridh mi a ris an céill e, ach cha’n fheuch mi ri caochladh neo-fheumail do bhriathran, agus ordugh, do bhrigh amhàin gu bheil mo litrichean air an leughadh le moran cheana-Feudaidh e bhi, ann an cuid a dh’aitean ann an aithris nan nithe ceudna gu’n cleachd mi ionann ’sna dearbh briathran a rinn mi roimh, gidheadh tha mi a’ rùnachadh, do reir t-iarrtuis-sa, mo sgeul a dheanamh ni’s mion, agus ni’s sonruichte na rinn mi roimh so; gu h-àraidh aig a deireadh, a dhùin mi suas le cabhaig, air eagal gu’n sgithichinn mo charaid. Tha dòchas agam mar an ceudna gu gabh thu mo leithsgeul, ged nach cuingealichinn mi féin gu tur ri eachdruidh, ach an sud ’san so gu measgaichinn na smuaintean a thig gu’m’ bheachd am feadh’sa ta mi a’ sgrìobh- [TD 10] adh: agus ged tha thusa air innseadh dhomh a cheana gu’m bheil a rùn ort na nithe a sgriòbhas mise a chur an céill do mhuinntir eile, cha’n fheud mi airson so iarruidh a bhi snasmhor, is goirid, (oir cha ’n e so mo ghnè), air eagal ’s gu’m bi an t-iomlan cosmhuil ri bhi tioram, agus air a thoirt dh’ aindeoin. Uime sin, co fad ’sa ta e air chomas dhomh, smuainichidh mi ortsa ’mhàin, agus sgriobhaidh mi leis an dànachd agus an t-saorsa sin air an airidh do chairdeas agus do shuairceas. Feudaidh an litir so a bhi airson roimh-radh, agus tha mi a rùnachadh co fad ’sa dh’fheudas mi, dàil a chur ann an gnothaichibh eile, gus an criochnaich mi ’n obair so thug thu dhomh r’a dheanamh. Agus a nis tha mi ’gi arruidh còmhnaidh t-urnuighean a chum ann an so, agus anns gach ionnsuidh bhochd eile tha mise a’ toirt, gu’m biodh sùil cheart agam r’a ghlòir-san a chunnaic iomchuidh mise a ghairm a mach o dhorchadas uabhasach, gu solus iongantach a shoisgeil féin. Is mi le urram gun cheilg, Fhir mo ghráidh, Do sheirbhiseach dileas. 12. Jan. 1793. [TD 11] LITIR II. THA taitneas agam, air uairibh, ann a bhi ’g aithris leam féin aidmheil Dhaibhidh. “O Thighearn is mi t-òglach, mac do bhanòglaich; sgaoil thu mo chuibhreach.” Bha tròcairean caomh Dhé soilleir mu’m thimchioll-sa anns na ceud mhionaidibh do m’bheatha. Rugadh mi, mar gum b’ann, na thigh; thilgeadh airsan mi o m’ oige. Bha mo mathair (mar a chuala mi o mhòran) na ban-chriosduidh chràbhach, fhiosrach. Bha i do’n eaglais Albanaich an Sasghunn, d’fhritheal i air ministeireachd Dr Jennings nach maireann. Bu mhise a h-aon duine cloinne; agus do thaobh gu’n robh i anmhunn na pearsa, agus leth-oirreach na gnè, b’e m’fhoghlumsa ni bu mhò ris na ghabh i gnothaich. Tha beagan cùimhne agam air a cùram agus a teagasg. Mu’n robh mi thar tri blìadhna dh’aois thoisich i féin air Bearla ionnsachadh dhomh agus air dhomh togail mhath a bhi agam, chaidh leatha air dhòigh ’sgu’n leughainn gu cothromach ann an leabhar cumanta sam bith a thigeadh gu m’ làimh ’nuair bha mi ceithir bliadhna dh’ aois. Lìon i mo mheoghair, a bha ’san àm sin gle-mhath, le mòran earrainnaibh luachmhor, caibdailibh, agus cuibhrionnaibh do na scriobtuir, ceistibh, laoidhibh agus dànaibh spioradail. Bha mo ghnè ’san àm sin coslach re bhith ro fhreaga- [TD 12] rach d’a h-iarrtus; cha robh bheag a thogradh agam an dēigh cluich-cloinne, ach bu mhò mo thlachd a bhi na cuideachdsa, agus bha mi ghnàth co-toileach ionnsachadh ’s a bha ise air m’fhoghlum. Chithear gu soilleir ann sa chuid a leanas do m’sgeulsa, cia fhada ’sa thig an t-ionnsachadh a’s fearr dhèigh-làimh air a chridhe ruigheachd. Gidheadh tha mi do’n bheachd gu’m feud mi mi féin a chumail a mach mar eisiomplair airson misnich do pharantaibh diadhuidh gu dhol air an aghaidh anns an t-slighe mhath a’ deanamh an dleasnais ga tréibhdhìreach ann an clann a theagasg. Ged do chaith mi air falbh ri h-ùine, an drùghadh a rinn foghlum m’ oige orm, gidheadh bha e fada na bhacadh orm; phill e rìs agus a rìs, agus b’fhada bha e ma’m b’urradh mi, a chrathadh dhiom gu h-iomlan. Agus an uair a dh’ fhosgail an Tighearna an déigh ùine fhada mo shùilean fhuair mi mòran feuma o ath-chuimhnachadh air teagasg m’oige. A thuille air so, ghabh mo mathair chaomh mòr shaothair rium ga’m’ earbsa ri Dia le iomadh urnuigh agus deur; agus cha’n’eil teagamh agam nach ’eil mi a’ faotainn toraidh nan urnuighean-sa gus an latha diugh. Dh’amhairc mo mhathair, le mòr thoilinntinn, air mo shoirbheach moch, agus rùnaich i o thùs mo thogail suas le sùil ris a mhìnisteireachd, nan aomadh an Tighearna mo chridhe gu sin. Thoisich mi air an Laidin ’nuair a bha me sè bliadhna dh’aois, ach mu’n robh ùine agam air a bheag [TD 13] a d’fheum a’dheanamh chaidh stad a chur air m’ionnsachadh. Bha rùn an Tighearna fad’ os ceann beachd paranta talmhuidh; chunnaic esan iomchuidh mo chaomhnadh airson dearbhaidh neo-ghnathaicht air foighidin a fhreasdail agus a ghràis; agus uime sin dh’ard-riaghail è rùn mo chairdean le bhi a’ toirt uam mo mhathar urramaich mu’n robh mi seachd bliadhna mach. Rugadh mi air 24 do mhios dheireannach an t-samhruidh 1725, agus chaochail ise air an aon latha deug de’n mhios sin, 1752. Bha m’athair an sin air a mhuir (na cheannard luinge ann an ceannachd a Chuain-mheadhonaich): thàinig e dhachaidh an ath-bhliadhna, agus phòs e ris, goirid an dèigh sin. Mar so thàinig mise gu làmhaibh eile. Bha mi air buintinn rium gu math anns gach doigh eile, ach call teagaisg mo mhathar cha d’rinneadh suas dhomh. Bha comas agam a nis measgachadh maille ri cloinn neo-chùramach, mhi-naomha, agus h-ealamh dh’ fhoghlum mi an dòigh. Goirid an dèigh pòsaidh m’ athar chuireadh mi gu scoil-bhuird an Essecs; an so bha mo spiorad ionann is air a bhriseadh, agus mo thlachd ann an leabhraichibh air m’fhàgail, le aniochd aineòlach mo mhaighstir. Dhi-chuimhnich mi aige-san am beagan cunntais a dh’ionnsaich mo mhathair dhomh roimh so. Dh’ fhan mi an so dà bhliadhna; air a bhliadhna mu dheireadh do’n dhà, thàinig maighstir ùr a staigh a thuig, agus a thàinig air mo ghnè. Thoisich mi ris an Laidin le mòr dhùrachd, air chor as mu’n robh mi deich bliadhna dh’aois gu’n [TD 14] d’ràinig mi agus gu’n chum mi an ceud àite anns a dàra cuideachd a bha anns a scoil sin a’ leughadh Tulli agus Bhirgil. Tha mi do’n bheachd gu’n robh mi air mo chur air m’ aghaidh le tuille ’s a chòir do chabhaig, do bhrigh uimes in nach robh mi steidhichte gu ceart, dhi-chuimhnich mi gu haithghearr gach ni a dh’ionnsaich mi (oir dh’fhàg mi an scoil an uair a bha mi deich bliadhna); ’nuair a thoisich mi air an Laidin fad’ an dēigh sin, cha’n’eil dùil agam gu’n d’fhuair mi a bheag do chuideachadh o na dh’ionnsaich mi roimh sin. B’ann a teaghlaich an Essecs a thug m’áthair an dàra bean; agus an uair a bha mise aon bhliadhna deug thug e leis mi maille ris fein gu muir. Bu duine gle thuigseach e, agus eòlach air muinntir an t-saoghail. Ghabh e cùram àraidh d’am ghiulan, ach cha b’urradh dha àite mo mhathar a sheasamh dhomh. Air dha fēin fhoghlum fhaotainn anns an Spainn, chum e mise co fada uaithe, agus bha e cho-cruaidh orm is gu’n chuir e fo is gu’n lag-mhisnich e mo chridhe; bha mi ghnàth fuidhgheilt ’na fhianuis, agus air an aobhar sin cha robh na h-uiread a cheannas aig orm. O’n àm sin gu bliadhna 1742, chaidh mi caochladh turuis air muir, ach bha ùine ēatorra a bha air a’ caitheamh air an duthaich, an dol a mach do bheagan mhìosan ann mo chuig bliadhna deug, bha mi air mo shuideachadh ann an deagh àite ann an Alicant ’sa Spainn, ach rinn mo ghiulan neo-shuidhichte féin, agus m’an fhoighidin ’nuair a chuirte ’n aghaidh mo thoil, m’ àite an so gun fheum. [TD 15] Anns an àm so, bha mo ghnè agus mo chaithe beatha gle chaochlaideach. Anns an scoil, na goirid an déigh sin, cha robh a bheag a chùram orm mu thimchioll diadhachd, agus bha mi gle-fhurast mo thoirt a thaoibh an dēigh an uilc; ach bha mi gu minic air mo ghluasad le dusgadh coguis. O’m oige bha tlachd agam ann an leughadh, am measg leabhraichean eile a thàinig gu’m’ làimh bha Briathran a’ Chriosduidh le Bennet, agus ged nach do thuig mi ach beag dh’i, thaitean an caithe-beatha a sheol esan co math rium is gu’n robh toil agam d’fheuchainn a thoirt da. Thoisich mi re urnuigh, re leughadh na scriobtuirean agus gnè chunntais lathail a chumail. Bha mi air ball diadhaidh ann mo bheachd féin, ach mo thruaighe! cha robh buinait shuidhichte aig a choslas mhaitheis so, ach shiùbhail e mar neul na maidne, no mar an dealta moch. Chinn mi gu h-aithghearr sgìth, is cuid is cuid leig mi dhiom e, agus chinn mi ni bu mheasa na bha mi roimhe: ann an àite urnuigh dh’ fhoghlum mi bhi mallachadh, agus a’ toibheumadh, agus bha mi ro-aingidh ’nuair a bhithinn a fianuis m’athar. Thachair so uile mu’n robh mi dà bhliadhna dheug dh’aois. Mu’n àm sin fhuair mi leagadh cunnartach o each, bha mi air mo thilgeadh mo ruigheadh beagan corlaich do challaid air a h-ùr-ghearradh. Cha dh’fhuair mi dòchann air bith, ach cha b’urradh mi gu’n a bhi toirt an aire do fhreasdail gràsmhòr ann mo ghléidheadh, oir nan tuitinn air an fhiodh, b’ eigin gu bithinn air mo mharbhadh: chuir mor choguis an céill [TD 16] dhomh an ni eagalach a leanadh, nam bithinn air mo ghairm anns an staid sin gu seasamh an lathair Dhé. Air ball leig mi dhiom mo gnàthathachadh mi-naomha, agus bha coslas orm gu’n robh mi air m’ atharrachadh gu h-iomlan, ach cha b’fhada gus na chlaon mi ris. Bha ’n t-stri so eadar am peacadh, agus a choguis air a cumail suas car ùine, ach is e thachair gu’n chuir gach uile thuiteam ni b’fhaide fò mi ann an doimhne na h-aingidheachd. Bha mi aon uair air mo ghluasad le bàs companaich àraidh; chord sinn gu dol air bord luinge chogaidh, (tha mi am beachd gu b’ann air là na sabaid), ach le freasdal bha mise fadalach gu’n teachd; chaidh am bàta thairis, agus chaidh esan agus moran a thuille air a bhàthadh. Fhuair mi cuireadh gu t-iodhlacadh mo chompanaich-cluiche, agus thug e taiseachadh mòr orm, le smuaineachadh gu’n robh mise air mo ghléidheadh beo le maille beagan mhionaidean, (ni a chuir moran doilgheis agus feirge orm), gus am faca mi a’ chriòch. Ach gidheadh cha b’fhada gus an robh so air a dhi-chuimhneachadh. Aig àm eile chuir leughadh Fhir-Teagaisg na Teaghlaich mi gu ath-leasachadh leth bhreitheach agus goirid. A’dheanamh sgeoil ghoirid deth, ged nach urradh mi nithe fa-leth ainmeachadh, tha mi do’n bharail gu’n ghabh mi orm, agus gu’n thilg mi dhiom aideachadh na diadhachd tri no ceithir a dh’uairean mu’n robh mi sè bliadhna deug. Chunnaic mi gu tric feum air an diadhachd mar shlighe dol as o ìfrinn, ach ghràdhaich mi am peacadh, agus bu duillich [TD 17] leam a thrèigsinn. Is cuimhne leam a leithid so thachairt gu tric am measg gach coslais a bha agam. Bha mo dhoille agus m’ amaideachd cò-iongantach, is air uairibh, air dhomh rùnachadh nithe a dheanamh a bha fos agam gu’n robh iad peacach, agus an aghaidh mo dhleasnais, cha b’urradh mi dol air m’ aghaidh ann an sith, gus an rachainn air tùs troimh m’ urnuigh ghnàthaichte, ach bha mi a’ meas gach mionaid caillte gus am biodh i thairis, agus ’nuair bhiodh so thairis, bhiodh mo choguis ann an tomhas air a cur na tosd, agus ruithinn an sin gu h-amaideachd le gle bheag agartais coguis. Bha m’ ath leasachadh deireannach comharaichte araon do thaobh a cheum gus an d’thàinig e, agus an ùine ’mhair e. Mu’n àm so gu h-àraidh mu chuid dheth feudaidh mi a ràdh ann am briathraibh an abstoil “a reir an luchd cò-bharail a’s teinne d’ar creidimhne, gu’n chaith mi mo bheatha am Phairiseach, ” rinn mi gach ni a dh’fheudta earbsa o neach a bha gu tur aineòlach air fireanteachd Dhé, agus toileach air fhireanteachd féin a chur suas. Chaith mi chuid bu mhò do’ gach latha a’ leughadh nan scriobtuirean, a’ beachd-smuaineachadh agus ri h-urnuigh; throisg mi gu tric, sheachainn mi feoil fad tri miosan. Is gann a fhreagairinn ceist, air eagal gu’n labhrainn focal diomhain. Bha coslas orm a bhi ro-dhùrachdach ri bròn eadhon le deuraibh, air uairibh, airson m’ fhailneachaidh roimh so. Ann an aon fhocal chinn mi ’m’fhear aoraidh-uaigneach, agus dh’oir- [TD 18] peich mi cò-fad’sa cheadaicheadh mo staid, gach cuideachd aicheadh a chum is gu’n seachnainn buaireadh. Bhuainich mi anns a chor stòlda so, (oir ainm ni ’s mò cha ’n fheud mi a thoirt dha), fad dà bliadhna, gun a bheag dh’ atharrachadh. Ach bu bhochd an diadhachd e, dh’ fhàg i mi ann an coachladh dòighibh fuidh chumhachd a pheacaidh, agus co-fad ’sa bhuaidhich i be’ n toradh a thug i ’mach, mise a dheanamh gruamach neo-thoirteil, neo-chomunnach, neo-fheumail. Be so suidheachach m’inntinn ’nuair a fhuair mi eòlas air scriobhadh Mhorair Shaftsburi. Chunnaic mi an dàra leabhar d’a (comharran-eadar-dheallachaidh) ann am bùth bheag ann a Middleburgh ’sa Nollainte. Thug an t-ainm orm a cheannach, agus thug a chainnt agus a dhòigh sgriobhaidh mòr thoilinntinn dhomh’na leughadh, gu h-àraidh an dàra earrann a dh’ ainmich am Morar gu ro fhreagarrach “An Ruannachd.” Cha b’urradh ni air bith a bhi ni bu fhreagarraich do’m’ inntinn neo-stòlda na cainnt na Ruannachd ghreadhnachail-so. Cha robh mi air m’ fhaicill do thaobh rùin agus stiùiridh an leabhair so. Shaoil mi gu’m bu duine diadhaidh an t-ùghdar; mar so, le briathraibh maiseach, is le cainnt thaitneach, bha mo chridhe simplidh air a mhealladh. Bha’n leabhar so ghnàth ann mo làimh. Leugh mi è gus am b’urradh mi ionann is gach focal do’n Ruannachd innseadh a thoiseach gu dheireadh. Cha do lean buaidh air bith ’san àm, ach dh’ [TD 19] oibrich e mar phuinsion, le cuid is cuid, agus rinn e slighe rèidh dha na nithibh a lean an déigh sin. Tha an litir so toirt mo sgeoil gu mios mu dheireadh na bliadhna 1742. Bha mi air ùr-philleadh o thurus cuain, agus bha m’athair a’ smuaineachadh ciod dheanandh e rium, do bhrigh nach robh a rùn air mo chur tuille gu muir, ach cha robh moran beothalachd no tapachd annam gu ceird; ni mò bha a bheag a dh’ eolas agam air daoine no air nithibh eile. Is ann a bha mo dhéigh air bruadar beatha do bheachd-smuaineachaidh; measgan do dhiadhachd, do fheallsanachd, agus do leisge; bha fuath nimhneach agam air smuaineachadh m’ inntinn a leagail le dùrachd ri ceird air bith. Mu dheireadh, thairg ceannuich ann an Libherpool, caraid eolach do m’athar (neach a ta mise na fhiachaibh o sin, mar inneal ann an làimh maitheis Dhé, airson m’uile shochairean talmhaidh), mo chur beagan bhliadhnachan do Jamaica, agus gu’n gabhadh e féin cùram dhiom an déigh sin. Dh’ aontaich mi le so, agus bha gach ni air ullachadh airson mo thuruis. Bha mi gu falbh an ath sheachduin. Ach anns an àm, chuir m’athair mi air gnothach beagan mhiltean an taobh eile do Mhaidstone an Cent; agus thug an turus beag so, nach robh gu bhi os cionn tri no ceithir a laithean, mu ’n cuairt tionndadh obann agus iongantach, a dhùisg mi o mo gnàth-chleachadh neo-churamach, agus thoisich e na nithean cumanta mu’m beil thusa ’g iarruidh cunntas ni ’s mion. Is firinn chinn- [TD 20] teach e “nach’eil slighe an duine na chomas féin, cha’n ’eil e ’n comas duine ata ’g’imeachd a cheum a stiùradh.” Jan. 13. 1763. LITIR III. BEAGAN laithean roimh dhomh dol do Chent fhuair mi cuireadh gu dol a shealltuinn teaghlaich ’san dùthaich sin. Bha iad nan cairdean fad as, ach gle eòlach air mo mhathair ghràdhach; b’ann nan tigh-sa chaochail i; ach chinn na teaghlaichean suarach mu cheile o àm dàra pòsaidh m athar; agus cha chuala mi uapa o cheann mhorain bliadhna. Fhuair mi cead m athar gu dol a shealltuinn orra, do bhrigh nach robh an tigh aca thar leth-mhìle o’n rathad mhòr. Gidheadh bha mi gle shuarach mu dhol ann, agus smuainich mi gu tric gabhail seachad, ach ghabh mi a steach. Dh’ aithnich iad mi air a cheud sealladh, mu’m b’urradh mi m’ainm innseadh, agus ghabh iad rium leis a chaoimhneas bu mhò, mar mhac am ban-charaid ghradhaich nach bu mhaireann. Bha dithis nigheanan aig mo charidean. [TD 21] Bha’n té bu shinè (mar a fhuair mi a mach an déigh sin) gu tric air a cur air leth le mathair féin agus mo mhathairsa o àm a breith mar bhean-phòsda dhomhsa. Tha fios agam gu bheil cairdean eolach gu tric ’gan toileachadh féin le leithidibh so do bheachdaibh-fad-as mu thimchioll an cloinne; agus gu’m bheil iad a’ failneachadh ni ’s tric na tha iad a’ soirbheachadh. Cha ’n’ eil mi radh gu’n roimh-innis mo mhathair a ni bha gu tachairt; gidheadh bha ni-eigin sonruicht ann e thachairt. Bha gach uile chomunn eadar na teaghlaichean air sguir o chionn fhada; bha mise dol gu dùthaich fad’ as, agus rinn mi guth orra le cabhaig, agus so fein cha deanainn mur bith an cuireadh a fhuair mi anns a cheart àm oir cha d’ fhuair mi cuireadh roimh uapa. Mar so bha cuisean gle neo-chinnteach agus a chrìoch co-iongantach. Thuit mi an gaol ’sa challaig so (oir cha robh i fathast ach ceithir bliadhna deug) air a cheud sealladh dh’i; agus cha robh mo ghràdh dh’i air a lughdachadh, ni mo chaill e a bhuaidh ann mo chridhe aon mhionaid o’nuair sin. Ann an inbhe, bha e co-ionann ri ni air bith air na smuainich luchd scriobhadh faoin-sgeoil; ann a mhairsinn bha e neo-chaochlaideach. Ann an ùine ghoirid chaill mi gach uile mhothachadh mu dhiadhachd, bha mi bodhar do chronachadh coguis agus do ghliocas; ach bha mo spéis dh’ise an còmhnuidh an ni ceudna. Agus theagamh gu’m feud mi a radh nach do chuir na deuchainnean do thruaighe, agus do aingidheachd troimh an d’thàinig mi an déigh so, ise as mo bheachd, [TD 22] is mi mo dhuisg, aon uair comhladh fad sheachd bliadhna. Ceadaich dhomh beachd-smuaineachadh car tamuill beag air na thachair mu’n ni so, gun dùil air bith ris, agus a bhi toirt fainear an atharrachadh a rinn e air mo bheatha an dēigh so; agus cia mar a thug e air aghaidh rùna freasdail Dhé do’ m’ thaobh, a bha reir coslais da-fhilte; a chum a bhi air mo thoirt thairis car tamuill do thoradh mo thoil fēin, agus an dēigh sin air m’ aiseag le làimh ard, gu’m biodh mo chor co-fad ’sa bhiodh e aithnicht’ araon airson rabhaidh, agus na mhisnich do’ mhuinntir eile. Air tus is gann a b’urradh ni air bith eile ni bu lugha na’n gràdh laidir smachdail so, mise a thogail as an staid throm mhuladach anns a robh mi. Is beag nach robh mi na m’ fhear-fuath do na chinneadh-dhaoine, ge mor a ghabh mi a thlachd anns na dealbhaibh a dheadh-bheus, agus a ghean maith a sgriobh Morar Shaftsburi; ach a nis fhuaireas buaidh ann an tiota air m’ fhuath do bheatha ghniomhach; bha mi toileach a bhi ni air bith, agus gach ni a dheanamh a bhiodh feumail airson an ni bha air mo bheachd a choimhlionadh uair-eigin an dēigh so. Os barr, an déigh so, ’nuair a rinn mi long bhriste do mo chreidimh, m’ earbsa, agus mo choguis, be mo ghràdh do’n neach-so: an aon ni a mhair gu seasamh nan àite, agus be ’n earbsa bha agam ise fhaicsinn a rìs, an aon ni faigs’ agus ullamh gu cosgadh a chur orm o na rùnaibh [TD 23] a b’uabhasaich’ a chur an gniomh am ’aghaidh féin agus muinntir eile. Ach an dēigh so uile ’s mò fhuair mi a chall na bhuannachd dheth, do bhrigh an uile a lean e. Tha ’n ùine d’an goirear gu cumanta, àm sùirbhidh, na earrann thaitneach d’ar beatha, ’nuair a ta gràdh a’ co-fhreagairt air gach taobh; aonta chairdean, agus coslas ceart air gnothaichibh a shuidheachadh, agus an t-iomlan air a riaghluidh le gliocas, agus ann an umhlachd do thoil agus eagal an Tighearna. An uair a ta cuisean mar so, tha ’n gràdh na bheannachd; ach ’nuair a ta e dh’ easbhuidh na nithe so, a ni ris an abair sinne gràdh, is e àigne is pianaile ann fēin, agus is miltiche anns na bheil a’ leantuinn a dh’ fheadar ainmeachadh. Bha iad so uile dh’uireasbhuidh ormsa. Cha robh a chridhe agam a luaidh r’a cairdibh-sa no re ’m chairdibh féin, na eadhon rithe féin a cheud tamuill, do bhrigh nach b’ urradh mi tairgse thoirt. Dh’ fhuirich e mar theine dorcha air a ghlaisseadh suas ann am’uchd féin, ’gam phianadh’ gun sgur. Le bhi a’ toirt orm aoradh a dheanamh do’n chreutoir, lagaich e gu mòr mo mhothachadh air an diadhachd, agus dh’fhosgail e slighe rèidh do bharailibh ana-creideach; agus ged gheall e moran mar bhrosnachadh gu dichioll agus beatha ghniomhach, cha do choimhlion e ni air bith. Bu tric a dhealbh mi beartan mora ’m’inntinn mu na dh’ fhuilinginn, agus na dheanainn gu toileach, air a sgà-sa do’n dthug mi gràdh; ach am feadh a b’urradh mi fantuinn na cuideachd, cha [TD 24] robh e air chomas dhomh a fàgail gu feum a dheanamh do chothroman a thàinig na mo rathad; is cha bu leor an gràdh-so idir gu mo chaithe beatha a riaghlaidh. Cha mhò chum e air ais mi o thoiseachadh agus leantuinn fada, air sreath dh’ anabarra agus neo-mheasarrachd a bha gu tur neo-chuimhte ris na rùnaibh urramach a rùnaich mi. Trid eadraiginn iongantach Maitheis Dhé ge do bha aimhreite m’ amaideachd fadheoidh air a cur ceart, agus m’ iarrtus air a chrùnadh air a leithid a dhòigh is gu’n d’ fhuair m’ fhulangais an làn duais; gidheadh tha mi cinnteach, nach rachainn troimh na deuchainnibh ceudna air son na bheil dh’ ionmhais anns na Hinnsibh. Tha mi ni ’s farsuinge na bha rùn orm air a phuinc-so, do bhrigh o m’ fhaireachdan searbh, gu’m feud na paipeirean so bhi feumail gu rabhadh thoirt do mhuinntir eile, o bhaigh a dheanamh ris an àigne do-cheannsuicht-so, cia tric a dh’ fheudar a ràdh mu’n mhuinntir cheann-laidir tha fuidh stiureadh an àigne so, “gu’m bheil iad a’cur na gaoithe agus gu’m buain iad a chuairt-ghaoth.” Air do ’m chridhe bhi nis suidhichte agus ceangailte ri cuspair àraidh, dh’ amhairc mi air gach uile ni eile ris an robh gnothach agam ann an solus ùr. Cho-dhùin mi gu’m biodh e do-dheant a bhi beo ann an àite co fad as ri Jamaica fad cheithir no chuig a bliadhnachan, agus chuir mi romham nach rachainn ann air chor air bith. Cha b’urradh mi; aon chuid an t-aobhar ceart innseadh do m’ athair no breug a dhealbh dhà. Uime sin gun aobhar air bith a [TD 25] thoirt dha san; ann an àite fuireach tri làithean mar a rùnaich mi an Cent, dh’fhuirich mi tri seachduinean, gus an robh mi do’n bheachd gu’m biodh an cothrom air a chall, agus an long air seoladh; b’amhluidh sin a thachair. Phill mi an sin do Lunnainn. Chuir mi diomadh mòr air m’athair leis an eas-umhlachd so; ach bha e ni b’usadh a bhi réidh ris na shaoil mi. Goirid an déigh so sheol mi maille ri caraid dhasan do Bhenice. Air an turus so bha mi an cunnart o chuideachd agus droch eisiomplair nan seoladairean cumant ’am measg an robh mo chrannchur agam. Air do chuireadh agus cothrom a bhi gach là fa m’ chomhair, thoisich mi aon uair eile air lasachadh o’n mheasarrachd agus an riaghailt sin do’n dthug mi ’n’aire, ann a meud-eigin, fad dà bhliadhna. Bha mi air uairibh air mo lot le agartasaibh geura; ach ge do thug mi beagan ionnsuidhean fann gu stad, mar rinn mi gu tric roimh so, cha dthug mi fathast srian fhuaisgailte gu tur dhomh féin; gidheadh bha mi air deanamh ceumna fada gu teicheadh air falbh gu h-iomlan o Dhia. An cronachadh agus an caismeachd bu chomharaichte agus co fad ’sa ’s cuimhne leam bu deireannaich a fhuair mi, b’ann o bhruadar bha e; rinn e drughadh mor orm, ged nach do mhair e. Air dhomh smuainachadh co dh’ionnsuidh am bheil mi sgriobhadh; thami a’ me as mi-fheumail dhomhsa toiseachadh air rannschadh, aon chuid, nadur bhruadaran am bidheatnas no leith-sgeul a ghabhail air son mo bhruadair fein a chur air chuimhne. Iadsan a ta ’g’aideachadh na [TD 26] scriobtuirean, aidichidh iad, gu n robh bruadaran comhairlichidh agus miorbhuileach nan taisbeanadh cinnteach o Nèamh, aon chuid a’ stiùradh, na aig roimh innseadh nithe bha gu tachairt an deigh sin: agus tha iadsan a ta eolach air eachdraidh agus faireachduin pobuill Dhé, làn chinnteach nach eile an leithide so do thaisbeanaibh air an cumail air an ais gu tur, ann an linn air bith, eadhon gus an là so. Ann an aite do reusuin cur an aghaidh a bheachd so, tha e tagar gu dian air a shon, far am bheil reusun gu ceart air a thuigsinn, agus gu dichiollach air a leantuinn. Air chor as gu bheil sgriobhadair ainmeil (Bacster) neach tha mi do’n bheachd, nach ’eilis a’ cur as a leth gu tric, gu bheil e cionntach dheth bhi faoin-bharaileach a’ gabhail os làimh a dhearbhadh, gu bheil taisbeanadh bhruadaran do-thuigsinn air a chuid is lugha, mur ’eil do-dheanta gun a bhi gabhail a stigh oibreachadh agus eadraiginn spiorada tha neo-fhaicsinneach dhuinn. Chomhairlichinn dhoibhsan nach ’eil a’ creidsinn ann am bruadaraibh an leabhar aig Bacster a leughadh. Air mo shon fēin dheth, feudaidh mi a radh gun teagamh. Tha’m bruadar cinnteach agus tha ’n eadar-mhineachadh cinnteach. Tha mi cinnteach gu’n bhruadar mi mar a ta e sgriobht an so; agus cha ’n urradh mi a chur an teagamh o na chunnaic mi uaith sin, nach do fhreagair e gu direach cothromach do ’m chor féin, do na cunnartaibh anns an robh mi, gu mi féin, a thilgeadh, agus do’n t-saorsa agus an [TD 27] trocair, bu toil le Dia thairgse dhomh ann an àm m’ eigin. Ge do sgriobh mi cunntas air a bhruadar so, do mhuinntir eile, ni bu trice na aon uair, cha do thachair dhomh riamh dùblachd a ghleidheadh dheth, ach tha na nithe bu mhò dheth air a ghearradh air mo chridhe co-domhain is gu’m bheil mi am beachd nach ’eil mi buailteach d’a bheag a dh’athrrachadh ann a bhi ’g aithris a chunntais. “Be caladh Bhenice anns an robh sinn o chionn ghoirid an sealladh a chunncas leam. Thoir leam gu’m bi’n oidhche i, agus gu’n robh mi a’ faire air bord; air dhomh, a bhi ’g imeachd air m’aghaidh agus air m’ais a m’ aonar, thainig neach dom’ ionnsuidh (cha’n’eil cuimhne agam co as) agus thug e fainne dhomh, le siom araidh a cumail gu curramach; agus a toirt cinnteis dhomh, am feadh a ghleidhinn am fainne sin gu bithinn sona agus buadhach, ach nan caillinn e, no na dealaichinn ris, cha ruiginn a leas dùil a bhi agam ri ni air bith, ach trioblaid agus truaighe. Ghabh mi a ghibht agus na cumhachan gu toileach, gun a bhi ’san teagamh bu lugha mu thimchioll mo churaim féin g’a ghleidheadh, agus thug e moran solais dhomh gu’n robh mu shonas agam ann mo ghleidheadh féin. Bha mi smuanachadh air na nithibh so n’ uair a thàinig neach eile dom’ ionnsuidh, agus air dha am fainne fhaicinn air mo làimh dh’fhiosraich e dhiom mu timchioll, le beagan cheisdibh. Dh’innis mi dha air ball fheartan, agus thaisbean e le fhreagairt, iongantas gu’m bithinn co faoin [TD 28] ’sgu’n saoilinn gum feudaidh an leithide a dh’ fheartan a bhi ann am fainne. Thoir leam gu’n reusonaich e rium car tamuill mu’n ni a bhi do-dheanta agus mu dheireadh gu’n cho-eignich e mi ann am briathraibh soilleir a thilgeadh air falbh. Air tùs bha uamhann orm roimh a ni dh’iarr e; ach bhuaidhich e le chuilbheartaibh. Thoisich mi air reusonachadh, agus bhi ann an amharus mi féin, agus mu dheireadh spìon mi do mo mheur e, agus leig mi anns an uisge e, aig taobh na luinge, cha luaithe na bhean a ris an uisge, air a mhionaid sin bhruchd teine uamhasach a mach o shreath bheanntan, (earrann do’n’ h-Alps) bha r’am faicsinn astar beag air culaobh baile Bhenice. Chunnaic mi na beanntan co math is ge do bhithinn mo dhuisg, agus bha iad uile nan lasraichean. Thug mi an aire ro-anmoch do m’amaideachd agus dh’innis m’fhear buairidh dhomh, le guth fanoideach, gu’n robh na bha throcair air a thasgaidh le Dia air mo shon anns an fhainne ud a thilg mise air falbh gu toileach. Thuig mi nis gu’m b’eigin dhomh dad maille ris gus na beanntaibh lasrach, agus gu’n robh na lasraichean sin uile bha mi a’ faicinn air am fàdadh air mo shonsa. Chriothnaich mi-agus bha mi ann an àmhghar mòr; air chor as gu’n robh e na iongantas nach do dhùisg mi, ach mhair mo bhruadar; agus an uair a shaoil mi gu’n robh mi air mo cho-eigneachadh gu falbh; agus a sheas mi fuidh bhinn annam féin gun leithsgeul gun earbsa, gu h-obann, aon chuid, thàinig an treas neach a’m’ ionnsuidh, no an [TD 29] neach ceudna a thug am fainne dhomh air tùs, (cha’n urradh mi bhi cinnte) agus d’fhiosraich e dhiom fàth mo bhròin Dh’innis mi dha chuis gu soilleir ’g aideachadh gu’n sgrios mi mi féin gu toileach, agus nach do thoill mi gu’m biodh truas air a ghabhail diom. Fhuair e coire dhomh air son a bhi co grad, agus dh’fheoraich e am bithinn ni bu ghlice rìs na biodh am fainne air aisig dhomh. Is gann a b’urradh mi freagairt a thoirt oir shaoil mi gu’n robh e caillte gu bràth. Tha mi saoilsinn gur gann a b’urradh mi freagairt roimh dhomh an caraid so, ris nach robh dùil agam, fhaicinn a dol fuidh ’san uisge, direach anns an àite anns na leig mi sios e. Phill e gu h-aithghearr air ais leis an fhainne. Co luath ’sa thàinig e air bord, chaidh na lasraichean, agus d’fhalbh m’fhear meallaidh uam. An sin bha chreach air a toirt o na chumhachdach, agus an giomach laghail air a shaoradh. Thàinig m’eagla gu crìch, agus tharruing mi am fagus dha m’Fhear-Saoruidh caomh le h-aoibhneas agus buidheachas gus am fainne fhaotainn a ris; ach dhiult e aisig, agus labhair e mar so. Nam biodh e air earbsa riut ris, bheireadh tu thu féin gu h-aithghearr gus an eigin cheudna. Cha’n’eil thu comasach air a gleidheadh, ach gleidhidh mise air do shon e, agus ge bith uair a bhios feum air, taisbeanaidh mi e as do leth.” Air so dhuisg mi, ann an leithid a staid is nach urradh mi a chur an cēill. Is gann a b’urradh mi itheadh no codal, no feitheamh do m’ gnothaichibh, fad dha no tri a laithean. Ach [TD 30] cha b’fhada mhair an taiseachadh so, agus an ùine ghoirid dhi-chuimhnich mi e gu tur; agus tha mi do’n bheachd nach do chuimhnich mi e tuille gu ceann iomadh bhiadhna an dēigh sin. Chithear ann a bhi dol troimh na paipeiribh so gu’n d’thàinig àm anns an d’fhuair mise mi fein ann an staid gle chosmhuil ris na nithibh a bha air am faicinn leam anns a bhruadar iongantach so ’nuair a sheas mi gun chobhair, gun earbsa air bruaich shiorruidhachd uamhasaich; agus cha’n’eil teagamh agam nam biodh sùilean m’inntinn an sin fosgailte nach fhaicinn mo namhaid mòr a mheall mi gu’m’ aideachadh air an diadhachd a thilgeadh uam gu deonach, agus mi féin a ribeadh anns na ciontaibh is mò; deirim, theagamh gu’m faicinn e a’ gabhail tlachd ann a m’ àmhghar, agus a’ feitheamh ri cead fhaotainn m’anam a ghlacadh, agus a ghiulan air falbh gu ionad na doruinn so. Theagamh gu’m faicinn mar an ceudna an t-Josa sin air an d’rinn mise geur-leanmhuinn, agus do’n dthug mi dùbhlan aig cronachadh an eas-caraid, ’g a’m’ agairt mar a chuid fein, mar amhailte air a spiònadh as an teine, agus a’ ràdh “Saor e o dhol sìos do’n t-slochd, fhuair mise eiric.” Ach ged nach fhaca mi na nithe so, fhuair mi an tairbh, fhuair mi trocair. Fhreagair an Tighearn air mo shon, ann an là m’eigin, agus gu mo beannuichte gu’n robh ainm: esan a dh-aisig am fainne, no ni bha air chiallachadh leis, tha e toileach a ghleidheadh. O cia do-labhairt an comhfhurtachd so, nach ’eil mo ghleidheadh [TD 31] orm féin. “Is e’n Tighearna mo bhuachaille. Rinneadh comasach mi air na h-uile ’s leam earbsa ris, agus is aithne dhomh co ann a chreid mi. Tha satan fathast ’g am iarruidh a chum as gu criaradh e mi mar chruineachd, ach rinn m’fhear-saoruidh urnuigh air mo shon nach failnicheadh mo chreidimh mi. Ann an so tha mo thearuinteachd agus mo chumhachd; balla laidir air nach fhaigh geatan ìfrinn buaidh. Mur bhith so bu tric a sgriosinn mi féin (na’m feudadh e bhith) o àm mo cheud shaorsa; seadh thuitinn, thuislichinn, rachainn a dhith fathast, mur biodh fhirinn ceangailt’ air mo shon gu’m biodh e na ghrian agus na sgiath dhomh eadhon ga bàs. “O m’anam beannaich an Tighearna. Cha do thachair ni sonruicht air bith air a chuid eile do’n turus so. Phill mi dhachaidh ann am mios meadhonaich a gheamhruidh 1743, agus chaidh mi gu h-aithghearr a shealtuinn orr do Chent; far an dh’fhuirich mi ro fhada mar rinn mi roimhe, ni mheall m’athair a rìs, agus bhrosnuich e gu ionann is m’aicheadh. Mu’n d’thàinig ni air bith freagarrach ann mo rathad an dēigh so, chaidh mo ghlacadh, agus mo chur air luing chogaidh. Thachair so uile dhomh o m’ ghiùlan neo-fhaicilleach féin, a bha uile do’n aon ghnè. B’àm cunnartach e, oir bha longan na Frainge a’ seoladh timchioll ar criochan; air an aobhar sin cha b’urrainn m’athair m’ fhuasgladh. Ann an ceann bheagan laithean chaidh mo chur air bord na Haruich luinge-chogaidh aig an Nore. Thoisich mi an so air staid ùr, augs dh’fhulaing mi [TD 32] mor chruaidh-chas fad mìos. Bha m’athair a nis toileach gu fanainn anns a chabhlaich, do bhrigh gu’n robh dùil ri cogadh gach latha; agus ghleidh e gean-math a cheannaird dhomh, neach a ghabh mi air clàr-goirid na luinge mar oifigeach. Bha beatha shocrach agam a nis, do thaobh nithe as an leth a muigh, agus dh’fheudainn meas a chosnadh; ach bha m’inntinn neo-shuidhichte agus mo chaithe beatha gle-shuarach. Thachair companach rium an so a chuir as gu h-iomlan do m’ aideachadh; agus ge do ghabh mi orm labhairt mu dheagh-bheusaibh, agus ged nach robh mi gu tur air mo thoirt thairis, mar bha mi an dēigh so; gidheadh be mo thlachd agus mo bhith-chleachdadh a bhi ri h-olc. Bha talanna nadurreach ro-mhath aig mo chompanach sonruichte, agus bu duine geur e ann am barail a thoirt, is e bu deise is cuimhne leam a thachair riamh orm anns a bharail ris an abairear “saor-smuaintean,” agus b’aithne dha goid a stigh le bheachd féin air neach eile, ann an doigh gle riochdail; agus bha eud co-ionann r’a chainnt. Is gann a b’urradh dha saoithreachadh ni bu dèine anns an aobhar ge do bhiodh dùil aig flaitheanas a bhuanachd leis. Leig dhomh innseadh, am feadh tha e air mo bheachd, gu’n deachadh an duine so dha ’n d’thug mise urram mar mhaighstir, agus a lean mi co-dian na chleachdamh, a dhìth anns an dòigh cheudna, an robh eagal ormsa a dhol. Chaidh innseadh dhomh gu’n dh’eirich soirbheas mor am feadh bha e air turus ann an Lisbon; thearnadh an long agus a [TD 33] mhuinntir, ach thàinig tonn mòr air bord a sguab esan do’n t-shiorruidheachd. Mar so tha’n Tighearn a’ caomhnadh no dioladh a reir ard-uachdranachd a thoile. Ach gu pilleadh bha tlachd agam na chuideachd, agus air dhomh féin beagan eòlais a bhi agam, bha mi togarrach gu leor air fheuchainn do mhuinntir eile. Thuig e gu h-aithghearr mo chor, nach do bhriste mi gu h-iomlan troimh bhacadh mo choguis, agus uime sin cha do ghràinich e mi air tùs le bheachd a chur an cēill gu follaiseach; labhair e, mar shaoil mise, gu measail mu aideachadh diadhaidh, ach an uair a bhuanaichd e mo mhuinghinn thoiseach e air labhairt ni bu shoilleire, agus air dha mo thlachd anns na characteristics fhaicinn, bha e do ’n aon bharail rium fein do thaobh an leabhair sin, agus dhearbh e orm nach do thuig mi ceart i. Ann an aon fhocal dh’oibrich e orm co dian le agadhaibh, agus argumaidibh, a’s gu’n robh mo chridhe truaillidh gu h-aithghearr air a bhuanachd, agus dh’aontaich mi leis le m’uile thogradh. Mar so cosmhuil re seoladair aineòlach a dh’fhàgas a chaladh direach an uair tha ’n soirbheas aig eirigh, dh’ aicheadh mi dochas agus comhfhurtachd an t-soisgeil anns an dearbh àm anns an robh gach uile chomhfhurtachd eile gu’m fhàgail. Ann a mios mheadhonaich a gheamruidh 1744 bha Haruich anns na Douns, fuidh ordugh dol do na Hinnsibh an-ear. Thug an ceannard dhomhsa comas dol air tir car là; ach gun mo chomhairle a chur ri gliocas, no smuaintachadh ciod a leanadh, ghabh mi each, agus lean mi seoladh [TD 34] m’aigne neofhuireasach. Chaidh mi a’ ghabhail mo chead dhise do’n d’thug mi mo ghràdh. Cha robh mor thoilinntinn agam anns a choinneamh, air dhomh fios a bhi agam gu’n robh mi a’ saoithreachadh gu mo thrioblaidean fein a mheudachadh. Chaidh an ùine ghoirid a dh’fheudainn fuireach seachad mar bhruadar, air là na bliadhna ùr 1745 ghabh mi mo chead dh’i gu pilltinn a dh’ionnsuidh na luinge. B’ann air eigin a ghabh an ceannard mo leithsgeul air son fuireach co-fada. Ach chuir an ceum neo-fhaicilleach so (gu h-àraidh do bhrigh gu’m be a cheud cheum do’n t-seorsa a ghabh mi) diomadh mor air; chaill mi a chaoimhneas is cha dh’fhuair mi tuille e. Fadheoidh, sheol sinn o Spithead maille ri cabhlach mor. Chaidh sinn a stigh do Thorbai le atharrachadh gaoithe, ach air do’n ghaoth tionndadh leinn, sheol sinn an ath là. Bha moran do’n chabhlach air an call ann an ionnsuidh a thoirt air an àite sin fhàgail; agus an ath-oidhche bha’n cablach uile ann an cunnart air criochaibh Cornuall, le soirbheas a dh’eirich as an airde deas. Rinn dorchadas na h-oidhche, agus lionmhaireachd nan longan moran aimhreite agus call. Chaidh an long againn as gun dochann ge do bha i caochladh uairean ann a cunnart mhor a bhi air a cur fuidh le soithichibh eile; ach dh’fhulaing moran call, gu h-àraidh long an ard-cheannaird. Thug so oirnn dol air ar n-ais gu Plimouth. Am feadh a bha sinn ann am Plimouth chuala [TD 35] mi gu’n d’thàinig m’athair sios gu Torbai, air dha roinn a bhi aig ann an cuid do na longaibh a chailleadh o chionn ghoirid. Bha gnothach aig anns an àm ri ceannachd Africa. Shaoil mi nam faighinn da ionnsuidh gu’m biodh e fuirasta dha m’fhaotainn a stigh anns an t-seirbhis sin, ni a bfhearr leam na dhol air turus fada neo-chinnteach do na Hinnsibh-an ear. Bu chleachdadh leam ’sna laithibh truagh-sa gun smuainachadh idir; is gann thàinig so ann mo bheachd ’nuair a chuir mi romham, gu’m fàgainn an long air na h-uile cor; rinn mi sin, agus anns an dòigh bu mheasa b’urradh mi a dheanamh. Chuireadh mi aon là anns a bhàta thoirt an aire nach teicheadh neach air bith do’n mhuinntir air falbh, ach bhrath mi m’earbsa, agus theich mi féin. Cha b’aithne dhomh co an rathad a ghabhainn, agus cha robh a chridhe agam fhiosrachadh, air eagal gu cuirte amharus orm, ach air dhomh gné bheachd a bhi agam air an duthaich, bharailaich mi gu ceart, agus an uair a choisich mi beagan mhiltean fhuair mi mach gu’n robh mi air an rathad gu Dartmout. Chaidh, leam an là sin agus cuid do’n ath là; choisich mi le cabhaig, agus bha dùil agam a bhi maille ri m’athair an ceann dà uair a thìm, ach choinnich cuideachd bheag do shaighdearaibh mi; cha b’urradh mi an seachnadh no am mealladh. Thug iad air m’ais mi gu Plimouth. Chaidh mi troimh an t-sraid fuidh fhreicidean mar mhearlach. Bha mo chridhe làn feirge, nàire agus eagail; chaidh mo chumail dà là anns a phriosun, an sin chuir- [TD 36] eadh mi air bord mo luinge féin, agus chaidh mo chumail beagan ùine ann an iarrunnaibh, bha mi an sin air mo rusgeadh gu follaiseach, air mo sgiùrsadh agus mu dheireadh air mo thilgeadh sios o m’ dhreuchd mar oifigeach, agus thoirmisgeadh dha na companaich a bh’ agam roimhe, caoimhneas air bith a thaisbeanadh dhomh, no eadhon labhairt rium. Mar oifigeach bha beagan còir agam a bhi riaghladh, agus do bhrigh gu’n robh mi ardanach agus diòmhain, bha mi ealamh gu leòr gu m’ ughdarras a chleachdadh, bha mi nis ann a’ m’ atharrachadh air mo thoirt sios co-iosail ris an neach a b’isle, agus m’fhàgail buailteach do thàir nan uile. Mar bha mo staid anns an àm a bha lathair anshocrach, bh’an sealladh a bha romham ni bu mheasa, bha ’na h-uile a dh’fhulaing mi cosmhuil ri dol a meud gach là. Goirid an déigh mo thuiteam, bha na h-oifigich agus na companaich bh’agam roimhe toileach mo dhion o dhroch laimsheachadh: ach an ùine ghoirid a dh’fhan mi maille riu, an déigh sin, chinn iad gle shuarach mu mo dhion; gu deimhin cha b’urradh iad a leigheas, gun iad féin a chur ann a’ cunnart, oir bha an ceannard, ge do bha e mar bu trice na dhuine suairce a bhuin gu math ri cuideachd na luinge, gàmhlasach ’na fheirg, ’nuair a bhiodh e air a bhrosnachadh gu mòr, agus ghabh e iomadh fàth air è féin fheuchainn mar sin dhomhsa; agus bha e cosmhuil gu’m biodh an turus (mar a thachair) cuig bliadhna. Gidheadh tha mi am barail nach dh’fhairich mi, gus nach robh eagal [TD 37] orm roimh aon ni riamh a chuir mi gu leithid a dh’eigin, is a bhi ’g am fhaicsinn féin air mo spionadh air falbh, o chusbair m’ aigne, agus e gle neo chosmhuil, gu’m faicinn i a rìs, agus ni bu neo-choslaiche gu’m pillinn ann an dòigh ’s gu’m feudadh earbsa a bhi agam, gu’m faicinn i, mar mo chuid fein. Mur so bha mi co truagh air gach làimh is a dh’fheudar a smuainachadh. Bha mo chridhe air a lionadh leis na h-aignibh is pianaile, iarrtus dian, corruich gharg, an-earbsa dhorcha. Bha gach uile uair ’g am’ fhàgail buailteach do mhasladh no do chruaidh-chas ùr air chor eigin, gun dùil ri fuasgladh, no ri lughdachadh; gun charaid a ghabhadh mo ghreim no dh’ eisdeadh ri m’ achdain. Co aca a shealluinn an leth a stigh no muigh, cha ’n fhaicinn ni air bith, ach dorchadas agus truaighe. Tha mi a’ saoilsinn nach b’urradh cor a bhi ni b’ uamhasaiche na mo chorsa, an dol a mach do choguis air a lot le feirg Dhé. Cha ’n’ urrainn mi a chur an cèill, ciod an togradh agus an doighleas leis an d’amhairc mi leis an t-sealladh dheireannach air Sasghuinn: chum mi mo shùilean suidhicht’ oirre, air do’n long a bhi teicheadh, gus an deachaidh i le cuid is cuid as an t-sealladh, agus an uair nach b’urradh mi a faicinn ni b’fhaide, bha mi air mo bhuaireadh gu mi fein a thilgeadh ’sa mhuir, ni (a reir mo bharail eucorach-sa) a chuireadh crioch comhla air m’ uile bhròn. Ach chum làmh uaigneach Dhé bacadh orm. Cuidich mi, fhir mo ghràidh, gu mholadh air son a mhaitheis [TD 38] iongantaich do’n neach is neo airidh do uile chreutairibh. Jan. 15. 1763. LITIR IV. GED dh’ iarr mi do sheoladh mu mhodh agus farsuingeachd an sgeoil so, thoisich mi r’a sgriobhadh mu’n d’fhuair mi e, bha mi ionann is deis do’n litir a chaidh roimh so ’nuair thàinig do litirsa gu’m làimh. Gabhaidh mi àm eile air a bhi ’g aideachadh dhuit, mo mhothachadh air taisbeanadh caoimhneil do chairdeis: is e m’ urnuigh ri Dia nach dthoir mi gu bràth aobhar aithreachais dhuit, gu d’ chairdeas a tharruing air falbh. Ach a nis cumaidh mi mi fein ris an obair shonruichte a thugadh dhomh r’a dheanamh. Géillidh mi dhuit ann a bhi toirt an aire do na nithibh beaga tha thusa toirt gu’m chuimhne, agus do nithibh eile cosmhuil riusan, nithe, dh’easbhuidh do sheoladh-sa shaoilinn ro shuarach, agus tuille sa choir mo chuid fein, gu’n iomradh h-’sa sgeul so. An uair a thoisich mi air na h-ochd litrichibh rùnaich mi gun a bheag air bith a radh mu m’ thimchioll féin, ach na bhiodh feumail gu bhi a’mìneachadh iongantais Freasdail agus Gràis Dhé ann an ceumnaibh sonruichte mo [TD 39] bheatha; ach tha mi a’ saoilsinn do bharailse na barantas ni ’s leor gu bhi ni ’s farsuinge na bha a rùn orm a bhith. Am measg nithe eile tha thu ’g iarruidh cunntas ni ’s mion air staid, agus teachd air aghaidh mo shuirthidh, mar theirear ris. Is i so a phuinc air am facas iomchuidh leam a bhi gu sonruichte goirid; ach géillidh mi dhuitsa, agus tha so na aite iomchuidh gu ath-thoiseachadh air, le innseadh dhuit cia mar a bha a chuis an uair dh’fhàg mi Sasghunn. An uair a thaisbeanadh m’ aigne air tùs, bha sinn le cheile co-oga ’s nach robh neach air bith a rireadh, ach mi féin. Bha e na sheanachas buird am measg ar cairdean, ach cha robh tuille mu thimchioll. Ach an dēigh sin, an uair bha m’ aigne cosmhuil ri bhi suidhichte, air chor is nach robh e air a lughdachadh idir fad dà bhliadhna; agus gu h-àraidh do bhrigh gu’n dthug e orm mi féin a ghiùlan, gun churam air bith mu ghliocas, no buannachd, no runaibh m’ athar d’am thaobh, agus gu’n robh esan a mach air an teaghlach, thoisich a parantansa air smuaineachadh a rireadh air a chuis, agus an uair a ghabh mi mo chead dhiubh mu dheireadh thuirt a mathair rium, (aig an àm cheudna a chuir i an céill an caoimhneas bu mhò air mo shon, mar gu mo mhi a leanabh féin), ged nach robh agadh air bith aice sa r’a chur ann, nan tarladh an uair a thigeadh sinn gu h-aois, gu’m biodh coslas air gu’m feudadh sinn an gnothaich a dheanamh suas, gidheadh mar a bha cuisean ’san àm bha i faicsinn na dhleasnas oirre fein, [TD 40] teachd anns an eadraiginn, agus uime sin dh’iarr i orm gu’n smuaineachadh air pilleadh a dh’ ionnsuidh an tighe aca-sa (mar biodh an nighean o n’ bhaile) gus, aon chuid, an leiginn dhiom mo bheachd, no gus am biodh dearbhachd aice-sa gu’n robh làn aonta m’ athar agam. Bha moran aig Mrs —— r’a dheanamh anns a chuis so; bha e na ghnothach duilich; ach ge do bha ise og, eatrom, agus neo-chleachdta r’an leithid do nithibh, bha i air a seoladh gu ceart. Bhiodh aideachadh soilleir, no aicheadh gu tur air an leantuinn, leis a chall cheudna ged nach b’ann air an aon dòigh. Bha ise a ghnàth air a faicill, gun choslach oirre a bhi smuaineachadh a bheag mu thimchioll. Bha i beachdail gu leor, gu bhi toirt fainear a cumhachd thairis orm-sa, agus glic gu feum iomchuidh a dheanamh dheth: cha ghabhadh i oirre gu’n robh i tuigsinn ciod a bha mise a’ ciallachadh; ni mo bheireadh i cothrom dhomh labhairt ann an cainnt shoilleir. Dh’ aidich i uaith sin, o na cheud uair a rinn mise aithnichte mo spéis dh’i, agus fada mu’n robh a smuain taitneach dh’i, gu’n robh e luidh air a h-inntinn, ann an dòigh nach b’urradh dh’i innseadh, gu’m biodh i luath no mall agam. Anns an staid so dheallaich sinn. Pillidh mi nis gu mo thurus. Am feadh a bha sinn a seoladh gu Madeira bha mi na mo chreach do smuaintibh ro dhorcha. Ge do thoill mi gach ni a rinneadh orm, agus ge do d’fheudadh an ceannard a bhi air fhirinneachadh ann an bhi giùlan fheirge ni b’fhaide, gidheadh bha m’ar- [TD 41] dan ’g innseadh dhomh ’san àm gu’n d’ rinneadh eucor mhòr orm, agus dh’ oibrich so air mo chridhe truaillidh, air a leithid a dhòigh is gu’n chur mi romham a bheatha bhi agam: agus be so an aon aobhar a thug orm mo bheatha féin a chaomhnadh. Do reir so bha mi air uairibh, air mo roinn eadar na dhà, air dhomh smuaineachadh nach b’urradh mi an dà chuid a dheanamh. A reir coslais thug an Tighearna nis thairis mi do chruas bhreitheanais; b’urradh mi ni air bith a dheanamh. Cha robh an ni bu lugh do eagail Dé fa chomhair mo shùl ni mo (fhad ’sa ’s cuimhneach leam) bha faireachadh air bith aig mo choguis. Bha mi co mòr air mo shealbhachadh le spiorad mealluidh is gu’n chreid mi mo bhreug féin, agus bha mi làn dearbhta an déigh a’ bhàis nach biodh bith agam. Gidheadh ghléidh an Tighearna mi. Air uairibh bha smuaintean cudthromach a teachd a stigh orm. An uair a ròghnaich mi bàs roimh bheatha, thigeadh boilsge dh’ earbsa a stigh, ged nach robh, bheag a choslas air a leithid a dh’ earbsa, gu’m faicinn fathast laithean no b’fhearr, gu’m feudainn fathast pilltinn do Shasghunn, agus m’ iarrtus a mhealtainn, mur tilginn mi féin air falbh gu deonach. Ann an aon fhocal be mo ghràdh no Mrs N. an aon smachd a dh’ fhàgadh orm, ged nach robh eagal Dé orm, no urram agam do dhuine cha b’urradh mi fhulang gu’m biodh lag-mheas aice-sa orm an déigh mo bhàis. Mar ann an gnothaichibh na beatha-so, anns an leth a muigh, tha na meadhonan is anmhuine air an cleachdadh le Freasdal [TD 42] Dhé, gu bhi toirt mu’n cuairt nithe mora os cionn am buaidh chumanta, (mar ’nuair a ta tinneas air a leigheas le h-eagal), mar sin thachair dhomhsa ’san àm so; an aon smuain so, nach do chum air ais mi o mhile olc na bu lugha, fhuaradh i dhomh mar an aon bhacadh, ann an aghaidh na buairean bu mhò, agus bu mhairbhtiche. Gu labhairt a reir cleachda dhaoine, cha ’n urradh mi a radh cia fhada ghiùlanainn an t-stri so, no ciod a tharladh nam bithinn air fantuinn anns an àite so: ach b’ aithne do’n Tighearna, air nach robh an bheag smuainte agam-sa, mo chunnart, agus bha e ’g ullachadh air son mo shaora. Rùnaich mi dà ni am feadh a bha am Plimouth, nach rachainn do’n Hinnsibh, agus gu’n rachainn do Ghuinea, agus be so toil an Tighearna mu m’ thimchioll; ach bha iad gu bhi air an coimhlionadh ann a rathadsa, cha b’ann ann mo rathadsa. Bha sinn a nis aig Madeira car tamuill, bha gnothaichean na cabhlaich deis, agus bha sinn gu seoladh an ath là. Air a mhadainn sin, air nach bu chòr dhomhsa di-chuimhne a leigeal, bha mi fadalach gun eirigh, agus choidlinn ni b’fhaide, mar bith gu’n dthainig aon do’n’ h-oifigich (seann chompanach) le leathad, agus eadar fàla-dhà agus a rireadh, dh’ iarr e orm eirigh, agus do bhrigh nach do fhreagair mi e air ball ghearr e sios mo leaba, thug so orm m’ eudach a chur umam. Bha mi gle dhiomach, ach cha robh a chridhe agam a ghabhail orm. Bu bheag smuaineachadh bh’ agam anns an àm cia mòr na nithe a rinn neonachas an duine so orm, [TD 43] agus gu’m be an neach so, aig nach robh rùn air bith anns na rinn e, teachdair Freasdail Dhé do m’ ionnsuidh. Cha dubhairt mi moran, ach chaidh mi air bord, far am faca mi, air a mhionaid sin, duine a’ cur eudach ann am bàta, dh’ innis e dhomh gu’n robh e gu’r fàgail. Air dhomh fiosrachadh, fhuair mi a mach gu’n d’thàinig dithis dhaoine, air bord na Haruich o long Ghuinea bha na luidh fagus oirnn: agus gu’n d’orduich Ceannard na cabhlaich dha na cheannard againn, dithis dhaoine eile a chur na ’n àite. Las mo chridhe air ball mar theine. Ghuidh mi gu’m biodh am bàta air a chumail beagan mhionaidean; ruith mi dh’ionnsuidh na ’n oifigich agus ghuidh mi orra iad a dheanamh eadar-ghuidh air mo shon ris a cheannard gu’n leigeadh e air falbh mi nis. Ge do bha mi roimh so mach air na h-oifigich so uile, agus ge do chur mi diomadh air gach fear dhiubh fa leth, gidheadh ghabh iad truas rium, agus bha iad a nis ullamh air mo chuideachadh. Dh’ aontaich an ceannard a nis gu h-ealamh, ge do dhiult e mo mhalairt am feadh a bha sinn ann am Plimonth eadhon air iarrtus an ard-cheannaird Medlei. Tha mi saoilsinn, ann am beagan bu mhò na leth-uair an déigh dhomh a bhi nam chadal ann mo leaba, gu’m faca mi mi féin air mo leigidh as agus tearuint’ air bord luing’ eile. Bha so air aon do na tionndaidhean cunnartach ann mo bheatha, anns am faca an Tighearn iomchuidh a bhi taisbeanadh a fhreasdail agus a churam, le thoirt air moran nithe, ris nach robh dùil, co aontachadh le cheile ionnan is ann am [TD 44] mionaid aimsir. Bha na cothroman aithghearr so gu tric air am feuchainn dhomh, thug gach aon dhiubh gu aite ùr mi, agus chuireadh dàil annta mar bu trice gus ionann is a mhionaid mu dheireadh am feudadh iad tachairt. Bha an long air an deachaidh mi nis ceangailte ri dol do Shierra Leon, agus na h-àitibh do Africa is faigse do thaobh an fhuairidh. Fhuair mi mach gu’n robh an ceannard eolach air m’athair, ghabh e rium le mòr chaoimhneas, agus rinn e gealladh math gu’n cuidicheadh e mi; agus tha mi a’ creidsinn gu’m biodh e na charaid dhomh; ach gun am feum bu lugha dheanamh do na mearachdan, agus trioblaidean a thachair rium roimhe, lean mi ’n ceum ceudna, seadh nam feudadh e bhith, ghnathaich mi mi féin moran ni bu mheasa. Ge do bha mo bheachd gu h-iomlan truaillidh am feadh a bha mi air bord na Haruic, gidheadh, do bhrigh air dhomh dol air tùs an sin, gu ’n robh mi socrach, suidhichte, thug a bhi cuimhneachadh air so orm a bhi fo ’nàire briseadh a mach anns an dòigh uamhasach sin bu mhiann leam. Ach a nis air dhomh dol a stigh am measg choigrich dh’fheudainn mi féin fheuchainn gun sgàil: agus tha sar chuimhne agam am feadh bha mi dol thairis o’n aon long gus an long eile, be so an t-aobhar air son an d’rinn mi aoibhneas anns a mhalairt, agus aon ni dha’n dthug mi an aire san àm gu’m feudainn a nis a bhi co-olc ’sbu toileach leam gun bhacadh air bith: agus o’n àm so bha mi ro ghraineil a rireadh, gle bheag, ma bha mi ann an ni air bith, [TD 45] goirid air a chainnt laidir sin mu staid ionann is nach gabh leasachadh a ta againn ann 2. Pead. 2. 14. Cha be ’mhàin gu’n pheacaich mi fein le làimh laidir, ach rinn mi e mar mo ghnothach a bhi buaireadh agus a’mealladh muinntir eile, air gach uile àm; agus air uairibh gu’m’ chunnart agus mo dhochann fein. Leis a ghiùlan so chaill mi gean-math mo cheannaird ùr; cha be gu’n robh e idir diadhuidh no gu’n robh mi-thlachd aig ann a’m’ aingidheachd ni b’fhaide na bhean i r’a ghnothach féin; ach chinn mi neo-churamach, agus eas-umhal. Cha do thoilich mi e do bhrigh nach robh togradh agam, agus a thaobh gu’n robh esan mar an ceudna do ghnè neonach bu luaithe a chur sinn mach air a cheile. Thuille air so bha beagan a’naduir bardachd annam, ni nach dean a bheag, ach trioblaidean agus naimhdean a chur am meud dhasan aig am bheil e: agus air dhomh a shaoilsinn gu’n d’fhuair mi masladh, rinn mi oran anns an d’rinn mi culaidh-mhagaidh do’n long do bheachdaibh agus do phearsa, agus dh’ionnsuich mi e dha chuideachd na luinge uile. Be so an duais neo-thaingeil a thug mise dha air son tairgse a chairdeis agus a chobhair. Cha d’ainmich mi neach air bith, ach bha an samhladh soilleir, agus cha robh aon chuid, an rùn no an t-ughdar an anfhios da. Cha’n abair mi tuille air a chuid so do m’sgeul, biodh e air a thiolaiceadh ann an tosdachd shiorruidh. Ach na bioma na m’thosd o chliu a ghràis sin a mhath, agus na fola sin a rinn reite, air son leithid mo pheacanna-sa: seadh “Feudaidh an t-Ætio- [TD 46] piach a chraicionn atharrachadh, agus an liopard a bhreice” o tha mise, bha mo thraill thoileach do gach uile olc, air mo shealbhachadh le legion do spiorada neo-ghlan, air mo chaomhnadh, air mo thearnadh, air m’ atharrachadh, gu seasamh mar chuimhne gu bràth, air a chumhachd neo-chriochnuichtesa. Lean mi air an dòigh so fad sè mìosan; air chionn sin bha an long ullamh, gus an aite sin fhàgail. Beagan laithean mun sheol sinn chaochail an ceannard. Cha robh mise moran ni bu reithe r’a chompanach a thàinig gu bhi riaghladh na aite-sa, neach a thug droch laìmhseachadh dhomh uair-eigin; cha robh teagamh agam nan rachainn maille ris do’n Hinnsibh-an-iar, nach cuireadh e mi air bord luinge chogaidh, agus bha so dhomh, o m’ fhiosrachadh a cheana, ni b’uamhasaiche na’m bàs. A chum so a sheachnadh, chuir mi romham fantuinn ann an Africa, agus thoilich mi mi féin le bruadaraibh breagh gu’n deanainn suas saibhreas. Tha fathast beagan do shluagh geal a gabhail còmhnuidh anns an àite sin (agus bha moran a thuille ann, ’san am sin) Is e bu dreuchd dhoibh a bhi ceannach thraillean, air na h-aimhnichibh, agus anns an duthaich mu’n cuairt, agus a bhi ’gan reic a rìs ris na longaibh air son buannachd. Rinn a h-aon dhiubh so, a thàinig air tùs do ’n àite ann mo staid bhochd-sa, saibhreas mòr suas; bha e o chionn ghoirid an Sasghunn, agus bha e nis a pilltinn anns an long san robh mise. Bu leis féin an ceathramh cuid dhi. Chuir eisiom- [TD 47] plair sa earbsa annam gu’n cinneadh leam féin air an dòigh cheudna: agus air chumhnanta gu’n gabhainn ann a sheirbhis, fhuair mi mo chead. Cha robh mi cho-glic is gu’n d’rinn mi cordadh air bith ris, ach dh’earb mi r’a shuairceas fein. Cha d’fhuair mi duais air bith air son mo sheirbhis air bord na luinge-so, ach bann air na sealbhadairibh an Sasghunn, nach deachaidh riamh fhuasgladh; oir bhris iad mu’n’ phill mise. An la’ mu na sheol an long, chaidh mi air tir an eilean Benanoes, gun a bheag agam, ach na bha dh’eudach umam, mar gu’m bithinn air dol as o long bhriste. Jan. 17. 1763. LITIR V. THA e coslach gu bheil teagasg cudthromach, agus air son feuma gu tric, anns na briathraibh so labhair ar Tighearna gràdhach “Cha d’thainig m’ amsa fathast.” Bithidh an dà bhliadhna a leanas, mu ’m bheil mi nis gu beagan cunntais a thoirt, na’m bearn a rireadh ann am beatha ro ghoirid; ach do bhrigh nach robh uair gràis an Tighearna fathast air teachd, agus gu’n robh mise gu faireachdan ni bu doimhne fhaotainn air [TD 48] staid eagalach cridhe an duine ’nuair a dh’fhagar dha fein e, bha aobhar agam gu minic o sin a bhi gabhail iongantas ri trocair an Tighearn a dh’fhogair mi gus na h-aitibh fad as sin, agus a rinn ionann ’smo dhùneadh a mach o chuideachd dhaoine, aig ám an robh mi lan uile, agus cosmhuil ri neach air am biodh a phlaigh, bha mi comasach air a ghalar a sgaoileadh ge bìth àite an rachainn. Nam be ’s gu’n ghabh mo gnothaichean tionndadh eile: nan rachadh leam a reir mo ruin a’s gu’n d’fhan mi an Sasghunn, bhiodh mo sgeul bronach, theagamh, no bu mheasa; no bu mheasa annam féin is gann a dh’fheudainn a bhith; ach bhiodh comas dol a mach no bu mhò aig m’ aingidheachd; dh’fheudainn a bhi gle chronail do mhuinntir eile, agus uilc nach gabhadh leigheas a chur am meud, ach chuir an Tighearn gu glic mi, ann an àite anns nach b’urradh mi moran coire a dheanamh. Bha ’m beagan ris an robh mo ghnothach ro chosmhuil rium féin, agus bha mi gu haithghearr air mo thoirt gu staid ro-iosail gu meas air bith a ghabhail diom. Is mò bha mi air mo sheachnadh, agus air mo thar-chuisneachadh, na air mo leantuinn; bha iad teirc eadhon do na daoine dubha, nach do mheas iad féin ro-mhath gu labhairt rium a cheud bhliadhna bha mi a thàmh na-m measg. Bha mi fathast na m’ dhiòbarach ’nam luidh am’ fhuil (Esec. 16.) agus do reir gach uile choslais, ann a cunnart dol a dhìth. Ach sheall an Tighearn orm le trocair: cha do bhuail e mi a dh’ìfrinn mar thoill mi gu ceart. Ghabh e seachad orm ’nuair a bha [TD 49] mi ann a m’fhuil agus thuirt e mair beo: ach cha robh àm sonruichte air son taisbeanaidh a ghaoil gu m’uile aingidheachd fholach le trusgan ionracais, agus mo ghabhail a stigh gu sochairibh a chloinne air teachd gu ceann ùine fhad’ an déigh so. Gidheadh eadhon anns an àmsa thuirt e mair beo; agus is eigin dhomh a chur as leth a chumhachd uaigneach ’gam’ chumail suas, nach dthug na dh’fhulaing mi ann a cuid do’n ùine so, air falbh uam aon chuid mo bheatha, no mo chiall; gidheadh do bhrigh leis na fulangasaibh so gu’n robh cumhachd mo dhroch eisiomplair, agus mo thograidh air a lughdachadh, tha aobhar agam an aireamh am measg mo throcairean. Theagamh nach bi e mi-fheumail dol a thaobh beagan o m’sgeul gu beachd ro-aithghearr a thoirt dhuit air cuairt na tire anns an robh mo chomhnuidh agam ’san àmsa, gu h-àraidh do bhrigh gu’m bi aobhar agam gu tric an déigh so aitean ainmeachadh dhuit air am bi mi nis a deanamh iomradh; oir bha mo ghnothach an déigh sin ’nuair a dheonaich an Tighearna dhomh laithean ni bfhearr fhaicinn gu sonruicht’ anns na h-aitibh ceudna, agus ris a mhuinntir cheudna, anns an robh, agus leis an robh mi air mo mheas co-ionann re’n traillibh bu shuaraiche. O Chape de Uerd, an roinn ’sfaide ’n iar do Africa gu Cape Mount, tha an tir uile làn aimhnichean; is iad na haimhnichean ’smo Gambia, Rio Grande, Sierra Leon, agus Sherbro, Mu’n cheud abhainn a ta gle ainmeal (oir cha robh mise riamh an sin) cha’n’eil e feumail dhomh [TD 50] ni air bith a radh. Tha Rio Grande (cosmhuil ris a Nile) air a roinn na moran mheoir am fagus do n’ mhuir, air a mheur ’s fhaide gu tuath, ris an abairear Cacheo, tha aite tàmh aig na Portuguese. A mheur is faigs’ air deas, do’n aimn Rio Nuna, tha, no bha i, na criòch ghnathaichte’ aig na daoinibh geala ’nan ceannuidhachd. Tha Sierra Leon ionann is na eilean, lan bheann, fàsail agus tha mi am beachd na àite dh’ionnsuidh nach fheudar teachd le na coilltibh tiugh, ach na h-aitean dheth a ta an cois na mara. Tha ’n abhainn mòr, agus comasach air luingeis a ghiùlan. Mu’n cuairt sè milè deug thar a fichead gus an ear-dheas; o sin, tha tri eileanan laimh re cheile ris an abairear Benanoes, mu’n cuairt do thri fichead mìle ceithir thimchioll orra; bha so mu’n cuairt do mheadhon aite tàmh nan daoine geala. Mìle thar a fichead ni ’s faide as anns a chearnadh cheudna tha na Plantanes tri eileanan beaga dà mhìle o’n tir-mhòr aig an roinn a ta deanamh suas aon taobh do Sherbro. Is coslach’ an abhainn-so re caol, a ruith an taobh a stigh do eilean fàda, agus a’gabhail astigh innte uisge caochladh aibhnichean mora “aibhnichean air nach d’rinn oran iomradh” ach moran ni ’s doimhne air an scriobhadh air mo chridhe-sa na’n Tiber bhochd. Tha ruith an aon ’sfhaide gu deas dhiubh so gle iongantach, ionann ’sa co-leagadh ris a chladach; air dhòigh ’sge do leanta i moran mhìltean an airde ’s gann a threòraicheas i neach ni’ smo na tri mìle, agus ann a cuid dh’àite, ni ’smo na lethmhìle o’n chladach. Cha’n’eil [TD 51] mi cinnteach nach ’eil na haimhnichean sa a’ pairteachadh ri cheile agus ris a mhuir ann an iomadh aite dha nach dthug mise an aire. Ma sheallas tu air dealbh mor do Africa, am feadh ’sa ta thu leughadh so gheibh thu beachd farsuing do’n tir anns an robh mi, oir ged tha na dealbhan làn mhearachdan, tha chuid is mo do’n h-aitean a dh’ ainmich mi ri’m faotainn annta, agus anns an ordugh ’san d’ainmich mise iad. Bha ionad comhnuidh mo mhaighstir ùr roimh an àmsa aig Cape Mount, ach bha a chomhnuidh a nis aig na Plantanes air an eilean bu mhò do na tri. Tha e na eilean iosal gainich, timchioll dà mhìle mu’n cuairt, agus ionann ’s air a chòmhdach le craobhaibh pailm. Thoisich sinn air ball ri tighean a thogail agus ri ceannachd. Bha beagan iarrtus agam a nis a bhi deanamh suas na h-ùine a chaill mi, agus dichioll a chleachdadh anns na bha romham; agus bu duine esan maille ris am feudainn a bhi beo gu math, mur bith gu’n robh e gu h-aithghearr air tionndaidh am’ aghaidh; ach bha e air a riaghladh gu mor le boirionnach dubh a bha maille ris mar mhnaoi. Bu neach i aig an robh beagan ughdaras na tir féin, agus bha esan ’n a commain air son a cheud thogail. Bha bhean-sa (gun fhios c’ar son) gu h-iongantach am aghaidhsa o thùs, agus rinneadh a chuis ni bu mheasa dhomh do bhrigh gu’n robh mi air m’ fhiosrachadh le tinneas mòr a bhuail mi gle aithghearr, mu’n robh cothrom agam fheuchainn ciod a b’urrainn mi, na ciod a b’àill leam a dheanamh ’nan seirbhis. Bha mi gu tinn an uair a [TD 52] sheol esan ann am bàta mòr gu Rio Nuna, agus d’fhàg e mi ’na lamhaibh-sa. Air tùs ghabh i beagan curaim dhiom, ach do bhrigh nach deachaidh mi am feabhas gu h-aithghearr dhearmaid i gu tur mi. Bha e duilich dhomh, air uairibh, deoch an uisge fhuar fhaotainn an uair a bha mi air mo losgadh le teasaich. B’e matta air a sgaoileadh air bord no ciste bu leaba dhomh, agus mir fiodha bu chluasaig dhomh. An uair a d’fhàg an teasach mi, agus a thainig mo chàil dhomh, bu mhiann leam itheadh, ach cha robh neach ann a bheireadh dhomh. Bha i féin a beathachadh air pailteas ach bu ghann bheireadh i dhomhsa na chumadh beo mi, ach an tràs agus rìst an uair a bhiodh a deagh-ghean-math oirre chuireadh i biadh d’am ionnsuidh’ na meis féin an déigh dh’i dinneir a ghabhail; agus so (bu cho mor a dh’ islicheadh m’ardan) ghabhainn le buidheachas, agus dian thogradh, mar a ghabhas am bochd is feumnaiche an deirc. Tha cuimhne mhath agam aon uair a ghairmeadh mi, gu so a ghabhail o làimh féin, ach air dhomh bhi ro lag agus anmhunn, leig mi a chead do’n mheis tuiteam. Is gann is urrainn iadsan a ta beo ann am pailteas a thuigsinn cia mar a bhean an call-sa rium; ach bha ise co an-iochdmhor ’s gu’n ghaìre i ri mo chall; is ge do bha am bord làn do mheisean eile, (oir bha i teachd beo cosmhuil ri muinntir na roinn Europe) dhuilt i h-aon dhiubh a thoirt dhomh. Bha m’uireasbhuidh cho-mòr, air uairibh, ’s gu’n rachainn ’san oidhche do’n ghàradh gu freumhan a tharruing as an talamh (ge do bha mi an cunn- [TD 53] art dioladh air a shon mar ghaduiche) dh’ithinn iad àmh ’san àite sin fēin air eagal gu’m faighte mach mi. Tha na freumhan mu’m bheil mi labhairt na’m biadh ro-mhath ’nuair a ta iad air am bruich, no air an rostadh, ach co neo-iomchuidh air moran dhiubh itheadh àmh ’sa bhiodh e bunntata itheadh àmh. An lorg a bhìdh so, ni, an déigh a chead deuchainn air son an robh mi a ghnàth a’ sealltuinn, agus is ainmic a mhearachdaich mi, thachair a cheart ni dhomh ’s ge do ghabhainn deoch-thilgidh, air dhòigh ’s gu’n phill mi air m’ais co-falamh ’s a d’fhalbh mi: ach thug an eigin orm a bhi aca iomadh uair. Fhuair mi furtachd gu tric o choigrich, seadh eadhon o na traillibh anns na slabhruidhean a thug biadh do m’ionnsuidh, do’n lòn bochd fein a’m folach, oir cha ’n fheudadh iad a bhi air am faicinn. An déigh gorta mhòire ’s e fanoid agus tàir an ath ni ’s truime luidheas air inntinn duine, agus dhiubh so mar an ceudna bha tomhas pailt agam. Air dhomh bhi gle mhall a dol am feabhas, thigeadh a bhean so air uairibh d’am’ shealltuinn, cha b’ann a ghabhail truas dhiom, na thoirt furtachd dhomh ach a d’fhanoid orm; theireadh i rium nach robh annam ach neach gun diu, agus leisg; agus bheireadh i orm coiseachd, ni, an uair nach b’urradh mi dheanamh, chuireadh i a seirbhisich a d’fhanoid air mo choiseachd, a bhualadh am bàsan, a ghàireachdaich, agus a’ thilgeadh measan orm, no, na’n togradh iad féin clachan a thilgeadh orm, (mar tha mi am beachd a rinn iad uair na dhà) cha robh bacadh orra. Ach mur [TD 54] bu trice, ge do b’eigin do’n h-uile bha an eiseamal a fabhair aontachadh leatha ann a làimhseachadh orm, gidheadh an uair a bhiodh i as an t-sealladh, bu mhò a ghabhadh truas dhiom, no rinneadh fanoid orm, leis an traill bu shuaraich’ a bha aice. Fadheoidh phill mo mhaigstir air ais o thurus. Ghearain mi gu’n làimhseachadh gu h-olc mi, ach cha chreideadh e mi, agus do bhrigh gu’n d’rinn mi e na h-eisdeachd-sa, cha d’rinneadh ni b’fhearr mi. Ach air an dàra turus thug e leis mi. Rinn sinn gu math car tamuill, gus an dthug ceannuiche eile a choinnich sinn a chreidsinn air gu’n robh mise mi-dhileas agus a goid a mhaoin ’san oidhche, no ’nuair bha e air tir. Be so ionann is an aon olc nach fheudhta chur as mo leth; be, mar a theirear, a bhi onorach, an aon ni a lean rium do ionnsachadh math as am feudainn uaill a dheanamh, agus co-fad ’sa dh’earb e rium bha mi a ghnath treibhdhireach, agus ge do dh’fheudadh m’eigin mhor mo leithsgeul a ghabhail, ann an tomhas, cha do smuainich mi riamh an ni bu lugha thoirt uaith. Ach gidheadh chreideadh a chasaid, agus dhiteadh mise gun chomhdach. O’n àm sin a mach bhuin esan rium gle chruaidh. Ge bith uair a dh’fhàgadh e an long bhithinn-sa air mo ghlasadh air bord le leth-cart sìl Innseanaich air son mo bhìdh laitheal; agus nam fanadh e ni b’fhaide cha robh furtachd ann dhomh gus am pilleadh e. Gu deimhin, tha mi creidsinn gu’n rachainn a dhìth leis a ghorta mar bith an cothrom bh’ agam air uairibh, a bhi glacadh eisg. An uair a bha eoin air am marbhadh air a shon fein b’ainmic a [TD 55] fhuair mise a bheag, ach am mionnach gu bhi na bhiadh air son mo dhubhan, agus, aig an àm sin, ris an abair sinne tràghadh mòr, ’se sin mu thimchioll atharrachaidh an làin mhara, ’nuair bha ’n sruth balbh, bu chleachdadh leam mar bu trice bhi ’g iasgachd, (oir aig àm eile cha b’urrainn mi) agus shoirbhich leam gu ro-thric. Nam faicinn iasg air mo dhubhan, cha bhiodh m’ aoibhneas a bheag ni bu lugha, na sin a ta neach eile a’ faotainn an uair a ta, ’ni sin ’sfaigse air a chridhe soirbheachadh leis. Rinn a leithid so dh’ iasg air a rostadh gu cabhagach, no air a leth-losgadh, gun amhlunn gun salann gun aran, tra mhilis dhomh. Mur glacainn ni air bith dh’fheuchainn, nam b’urrain mi, m’ocras a chur air falbh le codal; gus an d’thigeadh an ath-thràghadh, agus an sin dh’fheuchainn a rìs. Cha robh m’fhulangas ni bu lugha o’na siontaibh, agus uireasbhuidh eudaich. Thàinig àm an uisge nis air aghaidh; be na bh’agam a dh’ eudach, uile, leine, paithir thrusaran, neapaic-chanach an àite curraic, agus mìr do eudach-canach mu thimchioll dà shlat air fad gu bhi deanamh suas eudach uachdrach; anns an uidheamsa bha mi air m’fhàgail ris, fad fichead, deich thar fichead, theagamh faisge air dà fhichead uair comhla, ann an uisge gun sgur, maille ri osaigaibh do ghaoith laidir, gun dion air bith agam, an uair a bha mo mhaighstir air tir. Tha mi faireachdan gus an là’n diugh beagan do ath-philleadh nam pianta a thoisich anns an àm sin. Bhris am fuachd ana-barrach agus am fliuche a dh’fhu- [TD 56] laing mi air an turus sin, agus sin co-aithghearr an déigh eirigh o thinneas fada, mo shlaint agus mo mhisneach gu h-iomlan. Bha mo mhisneach gu h-aithghearr air a h-aisig ach a ta m’ eus-slainte fathast a leantuinn rium, mar chuimhneachan feumail, air seirbhis agus tuarasdal a pheacaidh. Phill sinn air ar n-ais an ceann dà mhios, agus an sin bha chuid eile do’n ùine dh’fhan mi maille ris, air a caitheamh aig na Plantanes fuidh an riaghailt cheudna a dh’ainmich mi cheana. Bha mo chridhe ardanach a nis air a thoirt sios, cha b’ann gu aithreachas slainteil, cha b’ann gu cainnt a mhic stroghail; bha so fad uam, ach thuit mo spiorad sios, chaill mi m’uile mhisneach agus ionann is m’uile smuainte: chaill mi am borba sin a chuir air theine mi ’nuair a bha mi air bord na Haruich, agus a rinn comasach mi air na h-ionnsuidhibh bu mheasa; ach cha robh mi ni bu mho air m’atharrachadh na tha an tigear air a dheanamh càllta leis an ocras; thoir air falbh an t-aobhar agus bithidh e cofiadhuich’sa bha e riamh. Tha aon ni, ged is iongantach e, na fhirinn. Ge do bha mi a dh’ easbhuidh bìdh agus eudaich, air mo chuir sios ceum fo thruaighe chumanta, b’urrainn mi, air uairibh, a bhi tionndadh mo bheachd gu ionnsachadh Matematics. Cheannuich mi Euclid Bharrou aig Plimouth; b’e an aon leabhar a thug mi leam air tir; bha e an comhnuidh agam, agus bha mi a’ cleachdadh a thoirt leam gu oisinnibh fad as do’n eilean gu [TD 57] taobh na mara, agus a bhi deanamh nan dealbhan le bata fada air a ghainneamh. Mar so chuir mi seachad gu tric mo mhulad, agus is beag nach do dhi-chuimhnich mi na nithe a bha mi a’fulang; agus mar so gun chomhnadh air bith eile dh’ionnsuich mi, ann an cuid mhath, na ceud sè leabhraichean do Euclid. Jan. 17. 1763. LITIR VI. THA moran diadhachd agus brigh ann an aideachadh Jacoib, “Le mo lorg thàinig mi thar an Jordan so, agus tha mi nis a’ m’dhà bhuidhinn.” Thigeadh dha na briathra-sa beantuinn riumsa le mòr ghluasad. Is cuimhne leam air cuid do na laithean brònach air an d’rinn mi iomradh ’san litir mu dheireadh, gu’n robh mi suidheachadh chraobhan lemoin Cha robh na pris a shuidhich mi ’san talamh ni b’fhaide na preas òg ghroiseid. Sheas mo mhaigstir agus mo bhan-mhaigstir, a bha gabhail seachad, car tamuill aig amharc orm; an ceann tachdan. “Co aig am bheil fhios, deir esan, air chionn do na craobhan so fàs suas agus meas a ghiùlan, nach fheud thusa dol do Shasghunn, riaghladh luinge fhaotainn, agus pilltinn air t-ais gu bhi buain meas do shao- [TD 58] thair. Tha sinn a’faicinn nithe iongantach a tachairt air uairibh.” Bha so a reir a rùinsa na chainnt ghearrta. Tha mi am beachd gu’n shaoil leis a bhi ceart co cosmhuil gu’m bithinn beo gu bhi mo righ air Poland; gidheadh rinneadh a chaint na faidheadoireachd, agus bha iadsan (gu h-àraidh a h-aon dhiubh) beo gu m’ fhaicinn a’ pilltinn o Shasghunn anns an inbhe a dh’ainmich esan, agus a’ spionadh dheth, cuid do cheud mheas nan ceart chraobhan-sa. Cionnas is urrainn mi dol air m’aghaidh le m’sgeul gus an cuir mi suas cuimhne do mhaitheas freasdail Dhé le bhi coimh-meas a chor anns na chuir an Tighearn o sin mi, ris a chor anns an robh mi aig an àm sin. Nam faiceadh tu mi an sin co bronach agus aonarach a’ dol am marbh na h-oidhche a ghlannadh mo leine air na creagaibh, agus an déigh sin ’ga cur umam fliuch, gus an tiormaicheadh i air mo dhruim am feadh a bhithinn mo chodal; nam faiceadh tu mi mo dhealbh co-bochd ’san ’nuair a thigeadh bàta luinge do’n eilean, bheireadh an nàire orm gu tric dol d’am fholach féin anns na coilltibh o shealladh choigrich; gu h-àraidh nam biodh fios agad gu’n robh mo ghiùlan, mo bheachdan agus mo chridhe moran ni bu duirche na mo chor as an leth muigh—Cia mar a smuainicheadh tu gu’m biodh an neach a fhreagair co-math dha (fuath thoilteanach agus a fuathachadh cach a cheile) an abstoil, air a ghleidheadh gu bhi na chomhara cho-sonruichte air curam freasdail agus ro-phailteas maitheis [TD 59] Dhé. Cha robh anns an àm sin ach aon iarrtus ann mo chridhe nach robh an aghaidh, agus uabhasach, araon do dhiadhachd agus do riasun; an aon iarrtus sin, ge do rinn mo ghiùlan graineil, neo-mheasarrach mise gu sonruichte neo-airidh air e shoirbheachadh, agus ge do thàinig mile amhla ’san rathad, a bha cosmhuil ri fhàgail do-dheanta, thoilich e an Tighearn a choimh lionadh. Ach ge do bha ’n trocair so mòr, agus air a meas gu mòr, cha robh i ach beag ’nuair a choimhmeasar i re beannachdaibh a ghràis; chaomhain e mi gu eolas a thoirt dhomh air féin ann am pearsa Josa Criosd: ann an caoimhneas do m’ anam shaor e mi o shlochd na truaillidheachd, agus thilg e m’uile lochdan an-tromaicht’ air a chùlaobh, thug e mo chasan gu slighibh na sìth. Is e so gu cinnteach a ni ’s cudthromaiche, ach cha ’n e t-iomlan. An uair a rinn e taitneach mi dha fein anns an aon ghràidh, thug e dhomh deagh-ghean ’an lathair muinntir eile. Thog e suas cairdean ùr dhomh dhion agus stiur e mi troimh shreath fhada do chunnartan, agus chrùn e gach là le iomadh trocair. Dhasan thu mi am fiachaibh air son gu’m bheil mi fathast beo, agus nach’eil mi beo ann an ocras, agus ann am paghadh, agus ann an lomnochd, agus ann an uireasbhuidh gach uile ni; gus a chor sin thug mi mi féin, ach is esan a thug fuasgladh dhomh. Thug e dhomh àite socrach anns a bheatha-sa, cuideigin a dh’ eolais faireachdail air an t-soisgeul; moran do luchd eo- [TD 60] lais am measg a phobuil, cairdeas agus co-chomunn cuid do sheirbhisich urramaich. Ach a ta e co-duilich a bhi ’g aireamh nan sochairichean tha mise nis a mealltuinn, ’sa ta e bhi cur sios gu h-iomlan nan uilc agus nan truaighean troimh an d’thàinig mi roimh so. Cha’n’eil fhios cinnteach agam cia fhada bha cuisean mar so maille rium, ach tha mi ’n dùil gu’n robh dlùth do dhà bhliadhna. Anns an ùine so sgriobh mi dhà no tri a dh’uairean dh’ionnsuidh m’athar. Thug mi dha cunntas air mo chor, agus dh’iarr mi a chomhnadh; a’ gealltuinn, aig an àm cheudna, gu’n a rùnaich mi gun philltinn a Shasghunn mur cuireadh e fios orm. Tha litrichean làimh rium a sgriobh mi dh’ionnsuidh Mrs ———— anns an àm mhuladach so. Mar so ’nuair a b’isle bha mi tha e cosmhuil gu’n robh earbsa agam ise fhaicsinn a rìs. Sgriobh m’athair gu caraid’an Libherpool air an d’rinn mi iomradh a cheana; neach a thug ordugh do reir dha cheannard a bhuineadh dha féin, a bha ’san àm ag ullachadh gu dol do Ghambia agus Shierra Leon. Uair eigin an dol a stigh do’n bhliadhna, mar a thuirt mi, fhuair mi aonta mo mhaighstir gu dol a dh’ionnsuidh ceannuiche eile bha ’san eilean cheudna. Gun a cheadsa cha ’n fheudainn a bhi air mo ghabhail, agus cha robh esan toileach gus a nis, ach fhuareadh a nis deanta e. Bha ’n t-arrachadh-sa gu mor air son mo bhuannachd; bha mi gu h-aithghearr ann an eudach math, agus pailteas bìdh agam, mhea- [TD 61] sadh mi mar chompanach, agus dh’earbadh rium uile mhaoin a theaghlaich a b’fhiù beagan mhiltean phuind Shasghunnaich. Bha caochladh oibrichean aig an duine so, agus seirbhisich gheala ann an iomadh aite gu h-àraidh ann a gheala an abhainn air an d’rinn mi iomradh a cheana tha ruith co-faigse air taobh na mara. Dh’ orduicheadh mi gu h-aithghearr do’n aite sin, far an robh earrann agam ann an riaghladh na h-oibre comhla ri h-aon eile d’a sheirbhisich. Bha sinn beo mar bu mhiann leinn féin, shoirbhich ar gnothach, agus thoilich sinn ar maighstir. An so thoisich mi air a bhi cho truagh ’s gu’n shaoil mi mi féin sona. Tha gnath-fhocal seadhail anns na h-aitibh sin, “ gu’m bheil a leithid so dhuine geal, air cinntinn dubh.” Cha’n’eil e ciallachadh atharrachadh gnùis ach inntinn. B’aithne dhomh caochladh muinntir, air dhoibh comhnuidh a ghabhail ’an Africa an déigh dhoibh a bhi deich bliadhna fichead, no dà fhichead bliadhna dh’aois, a chinn mu’n àm sin d’am beatha, a chuid ’sa chuid, cosmhuil ri muinntir na tire ’nan gne ’nan cleachdaibh, agus ’nan deas-ghnathaibh, air chor ’s gu’n ròghnaich iad an dùthaich sin roimh Shasghunn, chinn iad eadhon nan umaidhean do uile dhruidheachd, iarruidh eolais air na mairbh, seunadh, agus fiosachd d’am bheil a mhuinntir dhubha nan doille a’ géilleadh; agus chuir iad ni bu mhò dh’earbsa ann a leithidibh so na chuir a chuid bu ghlice do mhuinntir na tire. Bha spiorad na h-amaideachd-so a’ buadhachadh ormsa; (re [TD 62] h-ùine theagamh gu’n géillinn do ’n iomlan. Cha be gu’n chaill mi na smuainte sin a cheangail mo chridhe gu h-àraidh ri Sasghuinn, ach thug easbhuidh earbsa nach fhaicinn iad air an coilionadh, orm a bhi toileach fantuinn far an robh mi. Smuainich mi gu’m b’fhusa leam mo chall a ghiùlan far an robh mi, no ni b’faisge air a bhaile. Ach cha bu luaithe na shocraich mise mo dhàimhean agus mo rùna le na beachdaibh sa, na thàinig an Tighearna le fhreasdal ’san eadraiginn gu’m briseadh nam bloighdibh, agus gu mise thearnadh o sgrios dh’ain-dheoin orm féin. Anns an àm so thàinig an long aig an robh ordugh mo thoirt dhachaidh gu Sierra Leon;—dh’fhiosraich an ceannard mu m’ thimchioll an sin, agus aig na Bonanas; ach air dha fhaotainn a mach, gu’n robh mi fad’ air astar ’san duthaich, Cha do smuainich e tuille mu mo thimchioll. Gun amharus ’s e làmh Dhé a stiur mi gu bhi air mo shuidheachadh aig Cittam ’san àmsa, do bhrigh nach d’thàinig an long ni b’fhaigse na Bonanas, agus nach d’fhan i ach beagan laithean, nam bithinnsa aig na Plantanes, theagamh, nach cluinninn mu timchioll gus na sheol i. Thachaireadh an ni ceudna, nam bithinn air mo chuir gu aite oibre air bith eile (oir bha iomadh aite aig mo mhaighstir), air caochladh aibhnichean. Ach ge do bha ’n t-aite ’san robh mise fad’ an-airde air an abhainn, ni bu mhò na ceud mìle o na Plantanes, gidheadh le ruith sonruichte an uisge do’n dthug [TD 63] mi an aire cheana, bha mi fathast, mu ruigheachd mile do n mhuir. Gus an fhreasdal a dheanamh ni b’iongantaiche bha mi anns a’ cheart ámsa dol an tòir air ceannachd gu aite fad’a mach direach o na mhuir; agus bha mi gu falbh là no dhà roimh so, ach bha sinn a’ feitheamh re beagan do nithibh o na cheud long a thigeadh seachad gu bhi deanamh suas uidheamachadh bàthair, a bha mise gu thoirt leam. Bu ghnàth leinn, air uairibh, dol a dh’ionnsuidh a chladaich ’an earbsa gu’m faiceadh sinn long a’gabhail seachad, ach bha so gle neo-chinnteach, do bhrigh, mu’n àm sin, nach robh longan idir a’ teachd a dh’ionnsuidh an àite air son ceannachd. Chaidh iomadh seachad ’san oidhche; chum cuid eile fad a mach o thir. An aon fhocal cha ’n fhiosrach mi gu’n stad aon long am-feadh a bha mise an sin, ge do stad cuid roimhe, air dhoibh a bhi faicinn comhara o thir. Air a cheud mhios do ’n earrach 1747 (cha chuimhne leam an dearbh là) air do mo cho-sheirbhiseach dol le leathad a dh’ionnsuidh a chladaich, roimh thra-nòina chunnaic e long a’ gabhail seachad, agus chuir e suas deathach mar comhara air son ceannachd. Bha i cheana beagan seachad air an aite, agus do bhrigh gu’n robh a ghaoth leo, bha ’n ceannard an teagamh mu stad, ach nam biodh mo chompanach leth uair ni bfhàdailich bhiodh i seachad gu tur; ach chunnaic e i gu h-aithghearr a’ teachd gu achdair, agus chaidh e air bord ann am bàta beag; be so an long mu’n labhair mi. B’ann [TD 64] mu ’m thimchioll-sa bha h-aon do na ceud cheistean a chuireadh ris, agus an uair fhuair an ceannard fios gu’n robh mi co-faigse dha, thàinig e gu tir a dh’innseadh a theachdairachd. Nan dthigeadh cuireadh do m’ ionnsuidh o ’n bhaile am feadh a bha mi gu tinn, agus a’ dol bàs leis a ghorta aig na Plantanes ghabhainn ris mar bheatha o na mairbh; ach a nis air son aobharan a dh’ainmich mi cheana; dh’ eisd mi ris gun umhail. Air do ’n cheannard a bhi neo-thoileach mo chall dh’innis e sgeul do dheilbh féin gu h-iomlan. Dh’innis e dhomh sgeul breagh, cia mar a sheachain esan na h-uairead a litrichean agus a phaipeirean bu chòir dha thoirt do m’ ionnsuidh; ach so thuirt e bha e cinnteach dheth, oir chuala e o bheul m’athar e, co math agus o mhaighstir féin; gu’n dfhàg neach a chaochail o chionn ghoirid ceithir cheud puind Shasghunnaich sa bhliadhna agam. A thuille air a so dh’innis e dhomh gu’m robh ordugh sonruichte aig, ma bha mi am fiachaibh, m’fhuasgladh ge do b’ann le leth a luchd. Bu bhreug gach focal deth so, cha b’urradh mi féin na dh’innis e mu’n dileab a chreidsinn ach do bhrigh gu’n robh beagan earbsa agam o charaid aois-mhor shaoil mi gu ’m feudadh cuid dheth a bhi ceart. Ach cha robh mi fad an teagamh; oir ge do bha curam agus iarrtus m’athar air m’fhaicinn air am meas ro-eatrom leam, agus ged nach bu leor iad gu thoirt orm a bhi fàgail m’àite fàsail; gidheadh thug a bhi cuimhneachadh air Mrs ————; earbsa ise fhaicinn, [TD 65] agus gu’m feudadh e bhith, leis an tairgs’a ghabhail, gu’m bithinn aon uair eile air an rathad gu làmh fhaotainn buaidh thar gach uile smuain eile. Thuille air so, gheall an ceannard (agus an so chum e r’a ghealladh) gu’n gabhainn comhnuidh ’na sheomar-sa gu’n suidhinn aig a bhord, agus gu’m bithinn a ghnath mo chompanach aig, agus nach seallta air son sheirbhis uam. Agus mar so bha mi gu h-obann air mo shaoradh o dhaorsa chuig-miosan deug. Cha robh smuain no iarrtus agam air an atharrachadh-so aon uair, roimh dha tachairt. Chaidh mi air bord maille ris, agus am beagan uairibh, chaill mi mo shealladh do Chittam. Cia mor an truas is còir a ghabhail ri doille na muinntir sin, nach fhaic mi air bith, ach tuiteamas ann a leithidibh so do chuisean. Bha mise cho dall is nach do mhothaich mi ni air bith ’san àm, cha d’ iarr mi stiùradh air bith ’sna thachair; cosmhuil ri-tonn mara air iomain leis a ghaoith, agus air a luasgadh, bha mi air mo riaghladh leis a choslas a bha’n lathair, agus cha do sheall mi ni b’fhaide. Ach bha esan a ta na shuilean do na doill ’g a’m threorachadh ann an slighe nach b’aithne dhomh. A nis tha mi ann an tomhas, air mo shoillseachadh, is urrainn mi fhaicinn gu furas, gur ann an riaghail-teachadh, agus ann a’ co-aontachadh le nithibh a ta cosmhail ri tuiteamas, tha cumhachd riaghlaidh agus gliocais Dhé air an taisbeanadh gu soilleir ann an gnothaichibh dhaoine. Cia lion do nithe air tuiteamas d’am feud sinn [TD 66] an aire thoirt an sgeul Joseph, agus bha am buaidh féin aig gach aon dhiubh ’na ardachadh an déigh sin. Mur fhaiceadh e bruadar, mur innseadh e a bhruadar; nan gabhadh na Midianaich seachad là ni bu luaithe, no là na b’fhàdalaich; nan reiceadh iad e ri neach air bith eile ach re Potiphar; nam biodh e bhan-mhaighstir na bean no b’fhearr; mur biodh oifigich Pharaoh a toilltinn a dhiomadh; nan tachaireadh a h-aon, nan t-iomlan do na nithe so, air dòigh, no aig àm air bith eile na thachair iad, chumadh sin bacadh air gach ni a lean; b’ eigin gu’m biodh geallanna agus rùna Dhé mu thimchioll Israel, an daorsa, an saorsa, an comh-fhlaitheachd, an suidheachadh ’na ’n tir fein air failneachadh; agus do bhrigh gu’n robh na nithese uile a treorachadh a dh’ ionnsuidh, agus a foisneachadh ann an Criosd an Slanuighear a chaidh ghealltuinn; cha bhiodh iarrtus nan cinneach air fhoillseachadh, bhiodh an cinneadh-daoine fathast ’nam peacannaibh, gun earbsa, agus bhiodh comhairle gaol siorruidh Dhé do thaobh pheacaich air a thoirt gu neoni. Mar so chi sinn co-cheangal eadar ceud bhruadar Joseph agus bàs ar Tighearn Criosd, maille ris gach ni gloirmhor a lean. Mar so tha an co-cheangal laidir ge do tha e diomhair eadar na cuisean ’smo agus na nithe a’s lugha. Cia solasach ’sa tha ’n smuain so do’n chreidmheach gu’m bheil fhios aig am measg uile run amhi-riaghaiteach dhaoine, gu’m bheil aon run seasmhach aig an Tighearna nach fheudar agus nach àill leis a mhearachdachadh, ’s e sin a [TD 67] ghloir féin ann an slainte iomlan a phobuill; agus gu’m bheil e glic, agus laidir, agus firinneach gu eadhon na nithe sin a dheanamh feumail dha, a ta coslach re bhi an aghaidh a ruin. Thug thu comas dhomh a bhi mineachadh mo sgriobhaidh féin, ach is iomchuidh dhomh mo leithsgeul a ghabhail air son a bhi co fada. Jan. 18. 1765. LITIR VII. BHA ’n long air an robh mi ni airs turus a’ ceannachd airson òir, fiaclan elephant, fiodh-dath, agus céir-sheillean. Gabhaidh e moran ni ’s mo dh’ ùine gu leithid so a luchd a thional no ghabhas e gu luchd thrailleann a thional. Thoisich an ceannard ri ceannachd aig Gambia; bha e cheana ceithir no cuig a mhiosan an Africa, agus dh’ fhuirich e an sin timchioll bliadhna an déigh dhomhsa bhi maille ris; anns an ùine-sa shiubhail sinn ri cois na tire co fada re Cape Lopes tha mu thimchioll tri fichead mìle mu dheas air an loinn, agus ni ’s mo no mìle do mhìltean ni b’fhaide o Shasghuinn na ’n t-aite ’san deachaidh mise air bord. Cha ’n’eil a bheag agam ri innseadh is fiu an aire thoirt dha re an turuis fhadalaich-sa. Cha robh gnothach air bith agam, gu bhi suidheachadh m’ inntinn air, ach air uairibh, gu’n [TD 68] chuir mi seachad an ùine re matematics: an dol a mach dha so, bha mo bheatha gu h-iomlan, am feadh bha nam’ dhuisg, air a caithe ann an an-diadhachd agus truaillidheachd uabhasach. Cha ’n fhiosrach mi gu’n thachair mi o sin re fear labhairt toibheum co-dana rium féin: gun bhi toilichte le mionnan agus mallachadh cumanta, dhealbh mi gach latha mionnan ùra, air chor is gu’n robh mi gu minic air mo chronachadh gu dùrachdach leis a cheannard, neach bha e féin gle ghrad, agus nach robh idir faicilleach ’na chainnt. O na chunntas a thug mi dha air uairibh, mu mo chaithe beatha roimh so, agus na chunnaic e féin d’am ghiùlan; agus gu h-àraidh mu dheireadh ar turuis, an uair a thachair iomadh cruaidh-chas oirnn, theireadh e gu tric rium (gu bhròn mòrsa) gu’n robh Jonah aig air bord; gu’n robh mallachd ’gam leantuinn, ge bith ait’ an rachainn; agus gu’m b’ann air son mise a ghabhail do’n long a thainig gach trioblaid air a thachair na thurus. Gabhaidh mi seachad air nithe eile, agus an déigh a bhi ’gainmeachadh comhara no dhà do throcair an Tighearna dhomh ’mfeadh a bha mi deanamh tàrchuis air a chumhachd, agus air fhoighidin, theid mi air m’ aghaidh gu ni-eigin is fearr a’s fiu dhuit a leughadh. Ge do bha mi beo ann an anabarr do gach stroghalachd eile, cha robh tlachd agam riamh ’san òl; agus chualas m’athair a’ ràdh gu tric, am feadh a sheachnainn a mhisge, gu’m biodh dùil aig re m’ ath leasachadh. Ach air uairibh chuirinn air aghaidh cuilm òlmhor air son su- [TD 69] graidh, mar a theirinn ris, oir ged nach robh tlachd agam ’san deoch, reiceadh mi chum uile a dheanamh, agus ghabh mi tlachd ann an aimhleas. B’ann an abhainn Ghambia bha mi ’nuair mu dheireadh a ghnathaich mi mi fein anns an t-sugradh ghraineil so. Bu mhi féin a thoisich, agus ’san orm a bha ’n costus gu bhith. Shuidh ceithrear na chuignear againn aon oidhche air clàr uachdrach na luinge dh’ fheuchainn co b’fhaid’ againn a chumadh ris ag òl Genebha agus Rum uair mu seach. B’e slige mhòr mhara bh’ againn an aite gloinne. Bha mi gle neo-iomchuidh air san a leithid so do chath, oir bha mo cheann an comhnuidh neo-chomasach air deoch laidir fhulang. Ach co dhiu, thoisich mi, agus thug mi seachad a cheud deoch slainte, ni a ta cuimhne agam gu math, gu’m’ bu mhallachd e do n’ cheud neach a ghluaiseadh o aire suidh. Thachair gu’m mhi féin e so. Bha m’ eanchaill gu h-aithghearr air theine; dh’ ēirich mi, agus dhanns mi air a chlar uachdrach, mar dhuine air a chuthach; agus am feadh a bha mi mar so na’m’ bhall sugraidh aig mo chompanaich thuit m’àd ’sa mhuir. Le solas na geallaich chunnaic mi bàta na luinge agus le togradh thilg mi mi fēin thar taobh na luinge gu ruigheachd air a bhàta chum ’s gu glacainn m’àd. Mheall mo shealladh orm ’sa chuis-sa, oir cha robh am bàta far an ruiginn air, mar a shaoil mise air tùs, ach mu thimchioll fichead troidh o thaobh na luinge. Bha mo leth thar an long, agus ann an aon mhionaid eile, thilginn mi fein anns an uisge, ach ghlac [TD 70] neach eigin o’m’ chulaobh mi air m’ eudach, agus tharruing e air m’ais mi. Bha so na dhol as iongantach oir cha b’urradh mi snamh ge do bhithinn ann mo chiall féin, bha’n sruth laidir, bha mo chompanaich air tuille a’s chor òl gu’m thearnadh, agus bha chuid eile do chuideachd nan luinge nan codal. Bu cho fagus a bha mise a reir coslais, air dol a dhìth anns a chor uabhasach sin, agus air dol sios gu siorruidhachd fuidh chudthrom mo mhallachd féin. Air àm eile, bha cuid againn anns na coilltibh aig Cape Lopes far na mharbh sinn buffalo, na bò fhiadhaich. Thug sinn cuid dh’i air bord, agus ghabh sinn beachd math a reir mar a shaoil leam air an aite an dfhàg sinn a chuid eile. Phill sinn air ar n-ais san fheasgar gu toirt leinn ach d’fhalbh sinn ro an-moch. Ghabh mise orm féin a bhi ’m fhear-iuil dhoibh; ach air do’n oidhche tuiteam mu’n d’ràinig sinn an t-aite, chaill sinn ar rathad. Air uairibh, bha sinn ann am boglaich gu’r meadhon ’san uisge, agus an uair a fhuair sinn air talamh tioram, cha b’urradh sinn innseadh co aca bha sinn a teachd ni b’fhaigse do’n long, na teicheadh ni b’fhaide uaipe; chuir gach ceum am meud ar teagamh: chinn an oidhche ni bu duirche, agus bha sinn air ar ribeadh ann an coilltibh tiugh, theagamh anns nach do shiubhail cos duine roimh riamh. Tha’n t-aite sin do’n duthaich air a thoirt thairis gu h-iomlan do fhiadh bheathaichibh a ta ro-lionmhor ann. Bha sinn gu cinnteach ann an cor uabhasach, gun solus, gun bhiadh, gun arma, agus dùil [TD 71] againn re tiger leum oirnn o chulaobh gach craobh. Bha na reulta air am folach le neulaibh, agus cha robh cairt-iuil againn leis an dthugadh sinn barail c’aite an robh sinn a’ dol. Nam maireadh cuisean mar so, bha e coslach gu’n rachadh sinn a dhìth. Ach thoilich e an Tighearna nach dthàinig beathach am faigse dhuinn, agus an déigh beagan uairean a dh’imcheist, dh’éirich a gheallach agus d’fheuch i dhuinn an aird’an ear. Chunncas an sin mar a shaoil sinn, ann an aite bhi teachd ni b’fhaigse air a mhuir gur ann a bha sinn’ a’ dol a stigh ni b’fhaide do’n duthaich, ach le stiuradh na geallaich thàinig sinn mu dheireadh gu taobh an uisge astar fad o’n long. Fhuair sinn tearuint’ air bord, gun chall air bith eile ach na dfhulaing sinn o eagal agus sgìos. Bha iad so, agus iomadh saorsa eile air an call orm, ’san àm. Chinn cronachan mo choguis, le bhi sior chur nan aghaidh, ni bu laige is ni bu laige, gus fadheoidh, na sgur iad gu tur. Agus rè moran mhiosan, mur fheud mi beagan bhliadhanachan a ràdh, cha chuimhne leam aon chronachadh do’n ghne so. Air uairibh, bha mi air m’ fhiosrachadh le tinneas, agus shaoil mi mi féin dlùth do’n bhàs, ach cha robh an curam bu lugha orm mu na nithe a leanadh. Ann an aon fhocal, bha mi cosmhuil ri neach air an robh gach comhara a bhuineadh do neo-aithreachas, agus do’n neach a bhiodh air a chur air cùl. Cha d’rinn breitheanais, no trocairean an drùghadh bu lugh’ orm. [TD 72] Fadheoidh, air d’ar gnothach a bhi deis d’fhàg sinn Cape Lopes, agus an dēigh stad beagan sheachduinean aig Anabona gu teachd-an-tir a chur astigh, sheol sinn dachaidh mu’n cuairt do mhios mheadhonach a gheamhruidh 1748. O Anabona gu Sasghuinn, gun stad aig caladh air bith ’san t-slighe, tha seoladh gle fhàda, theagamh ni ’s mò na seachd mìle do mhìltean, ma chuirear ris a chunntas na cuairtean is eigin a’ ghabhail, air son gaoithe nan aitean sin. Sheol sinn air tùs an iar, gus an robh sinn dlùth do Bhrasil an sin gu tuath gu bruachaibh Neufoundland, leis an atharrachadh ghnathaicht’ araon do thaobh gaoithe agus aimsir, agus gun tachairt ri ni comharaichte air bith. Dh’fhan sinn leth latha ’an so ’g’iasgachd throisge. Rinn sinn so ’san àm air son ar toilinntinn féin, bha biadh againn, agus cha robh a bheag a dhùil againn ’san àm (mar thachair an déigh sin) gu’m be’n t-iasg-sa na bhiodh againn gu ar cumail beo. D’fhàg sinn na bruachan air a cheud là do’n mhairte le gaoith gheur o’n aird’ an iar a chuir cabhaig ruinn dhachaidh. Bu chòir dhomh a thoirt fainear an so, le fàda an turuis ann an tir theith gu’n robh an long feumnach air a caramh, agus gle neo-iomchuidh air seasamh ri aimsir dhoinionnach, bha na siùil, ’sna cùird mar an ceudna air an caithe gu mòr; agus bha caochladh nithe eile cuideachadh a cheile gu na thachair an dēigh so a dheanamh ni bu chunnartaiche. Tha mi am beachd gu’m b’ann air an naothamh là do’n Mhart, an là roimh là ar n’eigin a [TD 73] a dh’ fhairich mi smuain air m’ inntinn dha’n robh mi o cheann fhad’ nam choigreach. Am measg a bheagan leabhraichean a bh’againn air bord bha Tomas a Cempis le Stanhope, Ghabh mi nam laimh e gu neo-churamach, mar bu tric a rinn mi roimh sa, gus an ùine a chur seachad; ach leugh mi a ghnath e co suarach is ge bu sgeul faoin e. Ach am feadh a bha mi à leughadh aig an àmsa thàinig smuain a stigh orm an aghaidh mo thoil. Ciod ma tha na nithe so fior? Cha b’urrainn mi bhi giùlan cudthrom an fhreagairt air mo shon féin, agus uime sin dhùin mi an leabhar air ball. Thug mo choguis fianuis a’m aghaidh aon uair eile, agus cho-dhùin mi co aca fior na fealsa, gu’m b’eigin dhomh seasamh ris na leanadh do bhrigh mo roghainn féin. Chuir mi crìoch aithghearr air na smuaintibh-so le bhi gabhail mo chuid ann an cainnt dhiomhain air chor eigin a thàinig am rathad. Ach a nis thàinig àm an Tighearna agus bha ’n dearbhadh a bha mise co neo-thoileach a ghabhail, air a dh’aingheachadh orm gu domhain le freasdail uabhasach. Chaidh mi chodal an oidhche sin ann am shuaimhneas agus neo-churam gnathaichte, ach dhuìsgeadh mi o m’ chodal le tonn laidir a bhrist a stigh oirnn. Thainig uiread dheth le leathad ’s a lion an seomar an robh mise na’m’ chodal: bha’n caismeachd-so air a leantuinn le glaodh o na chlàr-uachdrach, gu ’n robh an long a dol fuidh. Co luath ’s a b’urradh dhomh teachd chugam fein d’fheuch mi ri dol an aird, ach ann ’san ionnsuidh choinnich [TD 74] an ceannard mi ’san fhàradh agus dh’iarr e orm sgian a thoirt leam. Am feadh a phill mise a dh’iarruidh na sgeine chaidh neach eile ’n aird’ a m’ aite, bha esan air ball air a sguabadh thairis le tonn. Cha robh ùine againn gu bròn a dheanamh air a shon, ni mò bha dùil againn a bhi fàda beo na dhéigh-oir chunnaic sinn gu h-aithghearr gu’n robh an long a lionadh gu dlù le uisge. Reub a mhuir air falbh a chuid a b’aird’ do’n fhiodh air aon taobh na luinge agus rinn i soitheach briste dh’i ann am beagan mhionadaibh. Cha’n fheuch mi ri ar cunnart innseadh ann an cainnt luchd mara, nach tuig ach tearc, agus uime sin, cha ’n urradh mi ach beachd fann a thoirt dhuit air. Le bhi gabhail beachd air na h-uile nithibh a thachair, tha e iongantach agus ionann is miorbhuileach gu bheil a h-aon againn beo gus ar sgeul innseadh. Chaidh sinn air ball a dh’ionnsuidh nam pioba-taomaidh, ach mheudaich an t-uisge oirnn dh’ain-deoin ar n’innleachd: chuireadh cuid againn gu aite eile do’n luing a thaomadh le cuinneagaibh agus goganaibh. Cha robh againn ach h-aon no dà dhuine dheug gus an t-seirbhis so a dheanamh, agus a dh’ain-deoin na b’urradh sinn a dheanamh, bha i làn no gle fhaigse air: agus an sin le luchd cumanta beigin gu’n rachadh i fuidh; ach bha moran do chéir sheillean agus a d’fhiodh againn air bord, bha ni b’eatrom na’n uiread a dh’uisge, agus do bhrigh gu’n thoilich e an Tighearna gu’n d’fhuair sinn am buille sa ’nuair a b’airde a ghaoth, air cheann na madainn bha sinn comasach air mead- [TD 75] honan a cleachdadh air son a tearnaidh a shoirbhich moran ni b’fhearr na shaoil sinne. Mu thimchioll uair an déigh so thoisich an là air soilleireachadh agus thàinig feath air a ghaoith. Chaith sinn a mhòr chuid d’ar n’eudach féin agus a dh’eudach ar leapaichean, gu bhi lionadh nan toll ge do bha ’n aimsir ro-fhuar (gu h-àraidh dhuinne a thàinig o chionn ghoirid o thir co teith: cheangail sinn mìrean fiodha le tairngibh air na tollaibh, agus mu dheireadh chunnadh sinn an t-uisge a traoghadh. Aig tùs na cabhaig so cha robh a bheag a dh’eagal orm, dh’oibrich mi gu dian air a phiob-thaomaidh, agus d’fheuch mi re misneach thoirt dhomh féin agus do m’ chompanaich; thubhairt mi ri fear dhiubh gu ’m biodh an cruaidh-chas-sa na chainnt againn beagan laithean an déigh so os cionn gloinn fhiona; ach air dhasan bhi na pheacach ni ba taise na mise, fhreagair e ‘Cha bhi, tha e nis ro-an-moch.’ Mu thimchioll a naothamh uair chaidh mi a labhairt ris a cheannard a bha cabhagach ann an aite eile, agus direach an uair a bha mi a pilltinn thuirt mi ionann a’s gun seadh air bith, ‘Mur dean so gnothach gu’n dean an Tighearna trocair oirnn.’ Be so (ge do bha e air a ràdh gun smuain) a chead iarrtus a chur mi suas air son trocair o chionn iomadh bliadhna. Bha mi air ball air mo bhualadh le mo chainnt féin, agus mar a thuirt Jehu aon uair, Ciod do gnothach-sa ri sith? Mar sin smuainich mi air ball. Ciod an trocair a dh’fheudas a bhi ann domh? B’eigin dhomh [TD 76] pilleadh a dh’ionnsuidh a phiob-thaomaidh agus fantuinn an sin gu meadhon an là, agus ionann is gach tonn a’ dol thar mo cheann; ach cheangail sinn sinn féin le cordaibh air eagal is gu’n sguabte air falbh sinn. Gu cinnteach bha dùil agam, gach uair a rachadh an long sios do’n mhuir, nach eireadh i tuille; agus ge do bha eagal a bhàis orm a nis, agus mo chridhe ’ginnseadh dhomh na bha a’feitheadh orm, ma bha na scriobtuirean an aghaidh na chuir mise co fada, nam firinn: gidheadh fathast cha robh mi ach a’leth-chreidsinn, agus d’fhan mi car ùine ann an staid dhorcha-inntinn, measgan dh’ an-earbsa agus an-fhoighidin. Shaoil mi ma bha an creidimh Criosdaidh fior, nach b’urrainn mi maitheanas fhaotainn, agus air an aobhar sin bha mi air uairibh a sealtuinn agus ionann ’sa dùrachdainn gu’m biodh fios agam air a chuid bu mheasa dheth. Jan. 17. 1763. LITIR VIII. AN deicheamh là (is e sin anns a chunntas ùr a cheud là thar an fhichead) do’n Mhart is là e so gu bhi air a chuimhneachadh leam-sa gu h-àraidh, agus cha do leig mi seachad e gu tur gun an aire thoirt dha o bliadhna 1748. Air an là [TD 77] sin chuir an Tighearna o’n aird’ agus shaor e mi as na h-uisgibh domhain. D’fhan mi aig a phiob-thaomaidh o thri uairibh ’sa mhadainn gu meadhon an là, agus an sin cha b’urradh mi tuille a dheanamh. Chaidh mi agus thilg mi mi féin air mo leaba, neo-chinnteach agus ionann is gun umhail agam an eirinn tuille. Ann an ceann uair an déigh sin, bha mi air mo ghairm, agus do bhrigh nach b’urradh mi taomadh chaidh mi dh’ionnsuidh na stiuir, agus stiuir mi an long gu meadhon na h-oidhche, an dol a mach do’n ùine a bha mi a’ gabhail bìdh. Bha socair agus cothrom agam an so air a bhi smuaineachadh; thoisich mi air cuimhneachadh air m’aidmheil air an diadhachd roimh so, na tionndaidhibh iongantach a bha ann mo bheatha, na gairmibh, na rabhadhaibh agus na saorsaibh a thachair orm; mo chaithe beatha fuasgailte gu h-àraidh mo ladurnas gun choimeas, ann a bhi deanamh an t-soisgeil (nach b’urradh mi bhi cinnteach a nis gu ’m’ bhreuge) a ghnàth na chùis mhagaidh. Shaoil mi ma bha na scriobtuirean fior, nach robh riamh ann, agus nach b’urradh a bhi ann, peacach bu mho na mi féin; agus an sin a’ gabhail beachd air na sochairibh troimh na bhrist mi, cho-dhùin mi air tùs gu’n robh mo pheacanna ro-mhor gu bhi air am maitheadh. Bha na scriobtuirean coslach ri bhi a’ràdh an ni ceudna, oir bha mi roimh so gle eolach air mo Bhiobul, agus aig an àmsa chuimhnich mi air iomadh earrann dheth, gu h-araidh na h-earrannaibh uabhasach sin Gnàth- [TD 78] fhocail i. 24.—34. Eab. vi. 4.—6. agus 2. Pead. ii. 20. a bha co coslach re mo chor is re mo dhealbh, is gu’n ghiùlan iad dearbhadh laidir gu’m b’iad focal Dé. Mur so, mar a thubhairt mi cheana, dh’fheith mi le h-eagal agus an-fhoighidin gu bhi a’ faotainn mo bhinn nach fheudta sheachnadh. Ach ge do bha’n leithid so do smuaintean agam bha iad gle fhann neo-fhreagarrach, cha d’fhuair mi gu ceann ùine fhad’ an deigh so (theagamh beagan bhliadhnachan) beachd soilleir a dh’fhireantachd neo-chriochanaichte agus a ghràis Josa Criosd mo Thighearna; cha d’fhuair mi beachd domhain agus laidir do mo chor a thaobh naduir agus cleachda, agus theagamh gus a sin nach b’urradh mi an sealladh a ghiùlan. Is co iongantach tha ’n Tighearn ann a bhi tomhas a mach taisbeanadh air a pheacadh agus air a ghràs; oir is aithne dha ar dealbh, agus nam biodh e a’ cur a mach morachd a chumhachd, bhiodh am peacach bochd air a chòmhdach, agus air a bhruthadh mar a chnuimh. Ach gu piltinn an uair a chunnaig mi, le cinnteas, gu’n robh earbsa re faothachadh, agus a chuala mi mo shea uairean san ’fheasgar gu’n robh an long tioram, dh’éirich boilsge a dh’earbsa, Shaoil mi gu’m faca mi làmh an Tighearna air a taisbeanadh air ar taobh: thoisich mi re h’urnuigh, cha b’urrainn mi urnuigh a chreidimh a chur suas, cha b’urrainn mi tarruing faigse air Dia rèidh rium agus m’athair a’ ràdh ris, bha m’ urnuigh coslach ri eigheach nam fitheach, air nach ’eil an [TD 79] Tighearn a’ deanamh tàir. Thoisich mi ri smuaineachadh air an Josa sin air an d’rinn mi co tric tàir; chuimhnich mi na nithe fa leth mu thimchioll a bheatha agus a bhàis, bàs air son peacanna do nach robh e ciontach, ach mar a chuimhnich mise air son na muinntir ud, ann an’ eigin a chuireadh an dochas ann. Agus a nis be dearbhadh an ni àraidh a bha mi ’g iarruidh. Bha beachd neo-sholasach an ana-creidimh air a dhaingneachadh gu teann annam, agus bu mhò m’iarrtus no mo chreidimh gu’m biodh na nithe so fior. Bheir thu fainear gu’m bheil cuimhne agam air an dòigh an robh mi riasunachadh, agus air oibreachadh m’inntinn ann an aon bheachd; ach cha’n’eil mi ràdh gu’n thachair so aig aon àm. B’e a’ cheisd mhòr a nis, cia mar gheibhinn creidimh. Cha ’n’eil mi a’ labhairt air creidimh leis an deanainn greim air-ni dhomh féin (oir cha b’aithne dhomh fathast nadur no feum a chreidimh so) ach cia mar a gheibhinn dearbhadh gu’n robh na scriobtuirean air an deachdadh le Dia, agus nam barantas gu leor air son a bhi a’ cur earbsa agus dochais’ an Dia. Bha cheud chobhair a fhuair mi (ann an lorg mo run a bhi a’ rannsachadh an Tiomnaidh Nuaidh ni bu churamaiche) o Lucas xi. 15. Bha mi a’faicinn a bhi ’g aideachadh creidimh ann an Josa Criosd ’nuair nach robh mi a creidsinn eachdraidh, nach b’fhearr e na bhi a fanoid air Dia, tha rannsachadh a chridhe. Ach ann an so fhuair mi a mach spiorad air labhairt uime a bha gu bhi air a thoirt dhoibhsan a dh’iarradh e. Air an ni so riasunaich mi mar so. Ma tha’n leabhar so [TD 80] fior, is eigin gu’m bheil an gealladh a ta ’san aite sa fior mar an ceudna. Tha feum agam sa air an dearbh spiorad sin leis an robh an t-iomlan air a dheachdadh, a chum ’sgu’n tuig mi e gu ceart. Cheangail se e féin an so gu’n d’thugadh e a spiorad dhoibhsan a dh’iarradh e. Is eigin dhomh uime sin urnuigh a dheanamh air a shon, agus ma tha e o Dhia coi’lionaidh e fhocal fèin. Bha mo rùn air a neartachadh le Eoin 7. 17. Cho dhùin mi o so, ged nach b’urradh mi a ràdh o mo chridhe gu’n chreid mi an soisgeul, gidheadh ’san àm gu’n gabhainn e mar an fhirinn, agus le bhi beachd-smuaineachadh air, anns an t-solus so, gu bithinn ni bu mhò agus ni bu mhò air mo dh’aingheachadh ann. Nam feudadh na nithe-sa ’ta mi a’sgriobhadh a bhi air an leughadh le ana-creidmhich an là diugh, theireadh iad (oir is aithne dhomh ro-mhath an cleachda) gu’n robh mi gle thoileach air a bhi toirt orm fein a bhi creidsinn na barail so. Tha mi ’g aideachadh gu’n robh, agus bhiodh iadsan mar sin mar an ceudna, nam feuchadh an Tighearna dhoibh mar a thoilich e fheuchainn dhomhsa ’san àm sin, am feum àraidh a ta air, gu’n dthigeadh ni eigin ’san eadraiginn eadar Dia ceart, agus anam peacach: a reir deilbh an t-soisgeil, chunnaig mi gu’n robh aig a chuid bu lugha, ‘feudaidh e bhith’ dh’earbsa ann; ach air gach taobh eile bha mi air mo chuartachadh le an-earbsa dhorcha gun iochdar. Thàinig a ghaoth a nis gu cuimse, ach mhair i leinn agus bha sinn a teachd ni bu dluithe d’ar [TD 81] cala. Thoisich sinn air teachd chugainn fein o ar n’uabhas; ge do bha sinn ann an eagal mòr o na chor ’san robh sinn. Fhuair sinn a mach air dha’n uisge gach ni gluasadach anns an long a chur air snàmh, gn’n robh na soithichean anns an robh ar lòn againn air am briseadh nam bloighdibh le garbh luasgadh na luinge; air an làimh eile bha ar beathaichean beo, mar bha mucan, caoraich, agus eoin air an sguabadh air falbh o’n luing leis an t-soirbheas. Air chinnteas na h-uile a thearuinn sinn a theachd-an-tir, an dol a mach do’n iasg a dh’ainmich mi, agus beagan do gné pheasair bu ghnàth leinn a thoirt do na mucaibh (agus cha d’fhagadh ach beagan dheth so) cha mhaireadh ar lòn eile uile dhuinn thar seachduin, le roinn ghann do gach aon. Bha na siuil mar an ceudna, air an seideadh air falbh air chor is nach d’thàinig sinn ach mall air ar n’aghaidh, eadhon an uair a bha ghaoth leinn. Shaoil sinn gu’n robh sinn m’a thimchioll ochd fichead mile o thir, ach bha sinn moran ni b’fhaide uaithe. Mar so sheol sinn eadar earbsa agus eagal. Bha na b’urrainn mi a sheachnadh a dh’ùine air a caithe leam an leughadh agus am beachd-smuaineachadh air na scriobtuiribh, agus ag urnuigh air son trocair agus teagaisg. Chaidh cùisean leinn mar so ceithir no cuig a laithean, no theagamh ni b’fhaide, gus an robh sinn air ar dusgadh aon mhadainn le iolach aoibhneach an fhreiceadain air a chlàr-uachdrach ag cur an céill gu’n robh tir am fradharc. Thog am fuaim so sinn uile gu h-aithghearr. Bha briseadh na [TD 82] faire gle bhreagh, agus bha’n solus (direach laidir gu leor gu bhi a’ leigeal ris nithe fad’ as) air fhaicinn leinn, a criochnachadh ann an ruinn, agus beagan ni b’fhaid as, dhà no tri dh’eileanan beaga, na leapaichean beaga, mur gu’m biodh iad ag eiridh as an uisge; bha’n coslas agus an suidheachadh a’ freagairt direach ri ar n’earbsa, coslach ri ceann an iar thuath do Eirin a dh’ionnsuidh an robh sinn a stiuradh. Rinn sinn aoibhneas le cheile, gun a bhi ann an teagamh air bith nan seasadh a ghaoth leinn, nach biodh sinn ann an tearuinteachd agus am pailteas an ath-là. Chaidh am fuigheal beag a bh’againn do bhrandi (mu’n cuairt a leth-chart) a roinn oirnn le ordugh a cheannaird, agus e ràdh aig an àm cheudna. Bithidh gu leor a bhrandi againn gu h-aithghearr. Dh’ith sinn mar an ceudna fuigheall ar n’arain le aoibhneas an t-seallaidh so, agus bha sinn ann an staid dhaoine a gheibheadh grad fhuasgladh o n’ bhàs. Am feadh a bha sinn anns a bheothalas-so, leag companach a cheannaird sios ar misneach le guth ni bu truime na cach, le bhi ràdh gu’m b’fhearr leis gu’n tionndaidh e mach gu bhi na thir ma dheireadh. Nam be fear do na seoladairean a theireadh so an toiseach, cha’n’eil fhios agam nach buaileadh cach e air son a bhi togail a leithid a dh’amharus mi riasuntach. Thoisich connsachadh agus deasboireachd theth, co aca be, no nach be tir bh’ann. Ach rinneadh a chuis gu h-aithghearr a mach gu soilleir, oir bha’n là teachd oirnn gu dluth agus ann am beagan ùine thoisich aon d’ar n’eileanan air cinntinn [TD 83] dearg le teachd faigse na greine a dh’éirich direach fuidh. Ann aon an fhocal, bha sinn ro luath struitheasach air ar n’aran agus brandi, bha n’ar tir direach anns na neulaibh, agus ann an leth uair eile sgapadh gach uile choslas. Tha luchd mara eolach air a leithid so a mhealladh, ach ann ar n’eigin bu duillich leinn a chreidsinn nach robh sinn ceart. Ach ghabh sinn misneach chugain fein ged nach b’urradh dhuinn tir fhaicinn fathast gu h-aithghearr gu b’urrainn, air do’n ghaoith a bhi fathast leinn; ach mo thruaighe! bha’n earbsa so air a toirt uainn mar an ceudna. Air an là sin féin chinn ar gaoth a bha fathast fabhorach na ciuine, agus an ath mhadainn, dh’éirich a ghaoth, a’ seideadh o an ear dheas, dìreach n’ar n’aghaidh, agus mhair i mar sin ni b’fhaide na ceithir là deug an déigh sin. Bha’n long air a briseadh co mòr is gu’m b’eigin dhuinn a ghaoth a chumail an comhnuidh air a taobh briste, mur biodh an soirbheas gle mhath. Mar so leis a ghaoth a bhi fantuinn anns a chearnadh sin bha sinn air ar n’iomain ni b’fhaid’ o n’ar cala gu tuath air Eirin uile, co fada ri Leous, na Eileanan an iar na h-Alba, ach fad’ an iar orra. Dh’aon fhocal deth, thug ar cor uainn gach uile earbsa gu’m feudadh sinn fuasgladh fhaotainn o shoithaichibh eile. Feudar gu deimhin a chur an amharus gur i an long againn a cheud long, a bha anns an aite sin do’n chuan mu’n àm sin do’n bhliadhna. Thoisich ar lòn a nis air cinntinn ro ghann. B’e leth iasg sailte an teachd an tir lathail a bh’aig dà fhear [TD 84] dheug. Bha pailteas uisge againn ach cha robh boinne dibh ni bu treise againn. Cha robh mìr arain againn; bu ghann a bha snaithean eudaich againn, agus an aimsir gle-fhuar. Bha bith-obair againn ris na pioba-taomaidh a’cumail an long an uachdar. Chaith moran oibre agus beagan bìdh as sinn gu dluth, agus fhuair aon duine bàs leis a chruaidh-chas. Ach cha robh ar fulaingeasan ach beag an coimeas ri ar fior eagalaibh. Cha b’urrainn a ghoinne-so féin a bhi againn moran ni b’fhaide, ach bha’n sealladh uabhasach sin againn n’ar n’amharc, aon chuid gu’m feumamaid bàsachadh leis a ghorta no bhi beo air cach cheile. Chinn ar n’earbsa ni bu duirche gach là; agus bha trioblaid agamsa a thuille air cach. Bha’n ceannard a bha air cinntinn gle fhrionasach le ar n’eigin an comhnnidh ’gam chaineadh (mar dh’innis mi cheana) mar aobhar ar n’uile àmhghair, agus bha e cinnte nam bithinn sa air mo thilgeadh a mach, gu’m biodh iadsan air an tearnadh, ach gun sin nach biodh. Cha robh air aire so dheanamh, ach rinn a bhi sior sheirm so ’nam chluasaibh, mise gle an-fhoisneach, gu h-àraidh do bhrigh gu’n robh mo choguis féin a’ co-aontachadh le chainntsa. Shaoil leam gu’n robh e gle choslach gu’m b’ann air mo shonsa a thàinig so uile oirnn. Fhuaradh a mach mi mu dheireadh le làimh an Dé uile chumhachdaich, agus dhiteadh mi le’m chosguis féin. Ach a’ gabhail air ar n’aghaidh air an dòigh a dh’ainmich mi cheana, thoisich sinn air a bhi gabhail misnich ni bu mhò na àr [TD 85] n’uile eagla, gu h-àraidh an uair a bha sinn ullamh air gach earbsa chall, agus a bha an-earbsa a sgaoileadh air gach gnùis, chunnaic sinn a ghaoth a’ tionndaidh mu’n cuairt gus an dearbh chearnaidh a b’àill leinn, agus bu fhreagarraiche do’n taobh bhriste sin do’n long a dh’ fheumadh sinn a chumail os cionn an uisge, agus i seideadh co math is b’urrainn am beagan shiuil a dh’fhàgadh againn a ghiùlan; agus mhair i mar so, gun a bheag a chaochlaidh, ’na meud, ge do b’ann an àm caochlaideach na bhliadhna bha e, gus an robh sinn aon uair eile air ar gairm a mach gu tir fhaicinn, agus an robh sinn làn dearbhta gu’r tir bh’ ann. Chunnaic sinn eilean Tori, agus an ath-là leig sinn sios achdair ann an Loch Suilli an Eirin. Be so an t-ochdamh là do mhios deireannach an earraich, dìreach ceithir seachduinean an déigh dhuinn tachairt ris a chall air muir. An uair a thainig sinn do’n chala-sa bha’m mir mu dheireadh d’ar lòn ’ga bhruich anns a phoit, agus mu’n robh sinn an sin dà uair a thìm, thoisich a ghaoth a bha gu freasdalach air a casgadh, gus an robh sinn ann an aite tearuint, air seideadh gu laidir, air chor is nam biodh sinn an oidhche sin air muir, ann ar staid bhriste, fhann, b’eigin, a reir gach coslais, gu’n rachadh sinn sios do’n doimhne. Mu’n àmsa thoisich mi air fios fhaotainn gu’m bheil Dia ann a ta ’g eisdeachd agus a freagairt urnuigh. Cia tric agus thaisbean se e fein air mo shon o àm na saorsa-sa? Ach mo thruaighe [TD 86] cia an-earbsach agus neo-thaingeal a’s ta mo chridhe-sa gus an uair so. Jan. 18. 1763. LITIR IX. THA mi air toirt mo sgeoil a nuas gu àm ar teachd air tir an Eirin ann a 1748, ach roimh dhomh dol ni ’s fhaide; shealluinn beagan air m’ ais gu tuille cunntais a thoirt dhuit air staid m’ inntinn, agus cia mar bha mi air mo choghnadh an aghaidh deuchainnean, a chuairtich mi as an leth a stigh, aig an àm ’san robh agam re cathachadh ri iomadh cruaidh-chas as an leth a muigh. Bha mo chuid agam maille ri muinntir eile do eigin an ocrais, an fhuachd, an sgios agus eagail dol fuidh, agus bàsachadh leis a ghorta: ach a thuille orra so dh’ fhairich mise searbhas cridhe a bhuineadh gu sonruichte dhomh fein, do bhrigh nach robh neach eile air an long, ach mi féin, aig an robh faireachdain air bith air làimh Dhé ’n’ar cunnart no ann ar saorsa, co-dhiu, a bha air a dhusgadh gu curam mu anam. Cha ruig freasdail aimsireil air bith air a chridhe mur ’eile e air a chur d’a ionnsuidh leis na Tighearna féin. Bha mo chompanaich an cunnart, aon chuid gun umhail air bith aca, no dhi-chuimhnich iad gu [TD 87] h-aithghearr an t-iomlan, ach cha robh e mar sin maille riumsa; cha b’e gu’n robh mi ni bu ghlice, no ni b’fhearr na iadsan, ach do bhrigh gu’n thoilich e an Tighearn trocair air leth a dheanamh orm. Mur bhithe so, cha robh neach anns an long bu mhi-choslaiche re bhi air a thaiseachadh na mise. Bha mi gu tric roimh so gu tur neo-churamach agus air mo chruadhachadh, direach re eudan chunnartan mora, agus a ghnàth gus an àmsa chruaidhich mi mo mhuineal ni bu mhò is ni bu mhò, an déigh gach uile achmhasan. Cha’n urradh mi aobhar air bith fhaicinn c’ air son a chuir an Tighearn mise air leth air son trocair, ach so gu’m be so a dheadh-thoilsa; mur b’ann gu bhi feuchainn le aon chomhara iongantach, nach robh ni air bith do-dheanta dhasan. Cha robh neach air bith air an long ris am feudainn saorsa dheanamh thimchioll cor m’ anama, cha robh neach ann o’n iarruinn comhairle. Do thaobh leabhraichean bha ’n Tiomnadh Nuadh agam, Stanhope air an d’rinn mi iomradh a cheana, agus leabhar a shearmoinean Easbiog Bebheridge; dhrùigh h-aon dhiubh so air fulangasaibh Chriosda gle mhòr orm. Ann an leughadh an Tiomnaidh Nuaidh dhrùigh caochladh earrannan orm, gu h-araidh sin mu thimchioll a chruinn fhiogais Luc. xiii. staid Phoil 1 Tim. i. ach gu h-àraidh a mhic sthroghail Luc. xv. mar chor a shaoil mise nach robh riamh co freagarrach air fhoillseachadh a’s bha e annam féin. Agus a ris maitheas an athar ann an ga- [TD 88] bhail ris, seadh ann an ruith an coinneamh a leithid so a mhic; agus so ’mhàin gu bhi leigeal ris dhuinn maitheas an Tighearn dha pheacachaibh a ta pilltinn. Thug so a thaobh gu mòr mi, bhuainich mi gu mòr an urnuigh; chunnaic mi gu’n d’thàinig an Tighearna ’san eadraiginn co fada so gu m’ thearnadh, agus bha earbsa agam gu’n deanamh e tuille. Rinn mo chor as an leth am muigh mo chuideachadh gu bhi ni bu dèine agus ni bu durachdaiche ann an eigheach risan a mhàin a b’urrainn fuasgladh orm; agus air uairibh shaoil leam gu’m bithinn toileach bàsachadh leis a ghorta nam be ’s gu’m bàsaichinn nam’ chreidmheach. Am feadh-sa, fhuair mi freagairt, air chor is mu’n d’thàinig sinn air tir an Eirin, gu’n robh dearbhadh cinnteach agam ’am inntinn féin, mu fhirinn an t-soisgeil, mar a ta e ann féin, agus co-ro iomchuidh ’sa bha e, gu’m uile uireasbhuidhean a fhreagairt. Chunnaic mi, a reir an dòigh a chumadh a mach an sin, gu’m feudadh Dia a bhi foillseachadh cha ’n e ’mhàin a throcair, ach a cheartais mar an ceudna, ann am peacannan a mhaitheadh air sgàth umhlachd agus fulangasan Josa Criosd. Thuig mo bhreithneachadh ’san àm sin an teagasg ard-so, “Dia air fhoillseachadh ’san fheoil, a’reiteachadh an t-saoghail ris fein.” Cha robh beachd air bith agam do na barailibh sin nach d’thoir do’n. t-Slainuighear urram ni ’s mò na bhi na sheirbhiseach uachdrach, no aig a chuid is fhaide, bhi na leth-dhia. Bha feum agamsa air Fear-saoruidh uile chumhachdachd; agus fhuair mi a [TD 89] leithid so air ainmeachadh ’san Tiomnadh Nuadh; gus a so dh’oibrich an Tighearna ni iongantach; cha robh mi ni b’fhaide nam ana-creidmheach. Chuir mi cùl le m’ uile chridhe re’m an-diadhachd, agus fhuair mi cuid do bheachda ceart; bha togradh agam a bhi diadhaidh, agus bha mi air beantuinn rium a rìreadh le faireachdan air co neo-airidh ’s a bha mi air an trocair a fhuair mi; ann a bhi air mo thoirt tearuinte troimh chunnartaibh co lionmhor. Bha mi dùilich air son mo chaithe beatha roimh so, agus rùnaich mi ath-leasachadh air ball; bha mi gu glan saor o mo chleachda a bha ri mionnan, a bha coslach ri bhi air a fhreumhachadh annam gu domhain, mar dhara nadur. Mur so a reir gach coslais bha mi am dhuine nuadh. Ach ged nach urradh mi a chur an teagamh nach robh an t-ath-arrachadh sa co fad ’sa bhuaidhich e air oibreachadh le spiorad agus cumhachd Dhé, gidheadh bha mi a dh’ uireasbhuidh moran nithe. Bha mi air mo thaiseachadh ann a cuid eigin le faireachdain air mo pheacanna bu graineile, ach cha d’thug mi fainear na h-uilc a ta gabhail comhnuidh anns a chridhe. Cha robh beachd ceart agam air spioradalachd agus farsuingeachd lagh Dhé; beatha uaigneach a Chriosduidh mar tha i aig co-sheasamh ann an co-chomunn maille ri Dia trid Josa Criosd, agus bith thaic air-san air son ath-leasachaidh gach uair do ghliocas, neart, agus furtachd; bu diomhaireachd so air nach robh eolas agam fathast. Dh’ aidich mi trocair Dhé ann am [TD 90] maitheadh na chaidh seachad, ach leig mi mo thaice ann a mòr chuid air mo rùn féin gu bhi deanamh ni b’fhearr ’san àm re teachd. Cha robh caraid criosduidh agam no ministeir treibhdhìreach gu innseadh dhomh, nach b’fhearr mo neart, na m’ fhireantachd; agus ge do thoisich mi gu h-aithghearr air fiosrachadh mu leabhraichibh diadhuidh, gidheadh do bhrigh nach robh beachd spioradail agam, rinn mi gu tric roghainn mhearachdach, agus cha robh mi air mo thoirt an rathad shearmonachaidh shoisgeulaich, (ach na h-uairean ainmic a chuala mi agus nach do thuig mi) fad shèa bliadhna an déigh so. Thoilich e an Tighearn na nithe so fhoillseachadh dhomh le cuid is cuid. Dh’ionnsuich mi iad ann an so beagan, agus ann an sud beagan, le m’ fhaireachduin goirt féin, fad’ o na meadhonaibh agus orduighibh gnathuichte, agus ann a’ meadhon a chursa cheudna o dhroch cuideachd, agus eisiomplair am measg an robh mi o chionn tamuill roimh so. O so a mach cha b’urradh mi cùis mhagaidh a dheanamh do’n pheacadh; na spors a dheanamh do nithibh naomha. Cha do chuir mi tuille an teagamh firinn an scriobtuir; ni mo chaill mi m’ fhaireachduin air cronachadh mo choguis. Uime sin tha mi ’gamharc air so mar thùs mo philleadh ri Dia, na gu bhi labhairt ni ’s iomchuidh, a philleadh-sa riumsa; ach cha b’urradh mi a mheas gu’n robh mi nam chreidmheach ann an seadh iomlan an fhocail, gu ceann ùine fhad’ an déigh sin. [TD 91] Dh’ innis mi dhuit gu’n robh pailteas uisge againn ann an àm ar n’ eigin; bha so na chuideachadh mor dhuinn gu h-àraidh do bhrigh gu’m b’iasg sailte gun aran am biadh gann a bha againn. Dh’ òl sinn gu pailt agus cha robh eagal oirnn gu’m biodh goinne uisge oirnn; gidheadh bha n’ ar stòr dheth so mar an ceudna, moran ni b’fhaigse air teireachduin na shaoil sinn. Bha sinn do’n bheachd gu’n robh sè soithichean mòra a dh’uisge againn, agus bu mhaith gu’n d’ràinig sinn Eirin mu’n d’fhuair sinn a mach gu’n robh cuig dhiubh falamh; air dhoibh a bhi air an ath-arrachadh as an aite, bhris iad le garbh luasgadh, ’nuair a bha ’n long làn uisge. Nan d’fhuair sinn fios air so ’nuair bha sinn air muir, b’eigin gu’m meudaicheadh e gu mòr ar n’ amghair do bhrigh gu’m feumadh sinn a bhi na bu chaondaiche ann ar n’ òl. Am feadh a bha ’n long ’ga caramh aig Loch Suilli chaidh mise do London-derri. Bha mo chartailean ann an tigh ro mhath far na thaisbeanadh mor chaoimhneas dhomh, agus dh’ aisig so gu h-aithghearr mo shlaint agus mo neart. Bha mi nis na’m fhear-aidmheil air diadhachd, agus chaidh mi dà uair ’san là gu urnuighibh na h-eaglais, agus rùnaich mi an t-sacramaint a ghabhail aig a cheud chothrom. Beagan laithean roimh, dh’ innis mi mo run do’n mhinisteir mar tha riaghailt na h-eaglais ag iarruidh; ach fhuair mi mach gu’n robh an cleachdasa air dol air chùl. Mu dheireadh thàinig an là. Dh’ éirich mi gle mhoch, bha mi gle shonruichte a- [TD 92] gus durachdach aig mo dhleasnas uaigneach, agus leis a chudthrom bu mhò, cheangail mi mi féin ris an Tighearna gu siorruidh gu bhi ’mhàin air a shonsa. Cha be striochdadh ann an coslas a bh’ann so ach striochdadh ann an treibhdhìreas, fuidh fhaireachduin blath air trocairibh air an ur-fhaotainn; agus gidheadh, do bhrigh easbhuidh eolais ni b’fhearr orm fēin, agus air innleachd buairean shatain, mhealladh mi gu boidean Dhé a bha orm a dhi-chuimhneachadh. Ach gidheadh ge do bha mo bheachd air slaint an t-soisgeil gle-neo shoilleir fhuair mi sìth agus taitneas, anns an ordugh air an là sin dha ’n robh mi gus a nis nam fhior choigreach. An ath-la bha mi a mach maille ri ard-riaghlair a bhaile agus re daoine uaisle eile a’ sealg; streap mi suas bruach chas agus air tarruing mo ghunna nam’ dheigh dhomh, am feadh a chum mi e direach na sheasamh, d’fhalbh an urchair co dluth d’am eudain is gu’n loisg i oisinn m’ aìde. Mur so ’nuair a shaoileas sinn sinn féin ann am fior thearuinteachd, cha lugha n’ar cunnart na ’nuair a ta coslas air na dùilibh gu’m bheil iad air eirigh n’ar n’aghaidh. Tha Freasdal Dhé a ta comasach air ar gleidheadh, agus ar tearnadh an uair is mo ar eigin, ceart co feumail gu ar gleidheadh, anns a chor is sithcheal. Sgriobh mi dhachaidh am feadh a dfhuirich sinn an Eirin. Cha chualas mu’n long ’san robh mi fad’ ochd mhiosan deug, agus bha i air a toirt thairis mar long chaillte fada roimh so. [TD 93] Cha robh tuille dùil aig m’athair a chluintinn gu’n robh mi beo, ach fhuair e mo litir beagan laithean mu’n d’fhàg e Lunnainn. Bha e dol a mach gu bhi na uachdaran air York Fort ann a Hudson Bay o nach do phill e tuille. Sheol e mu’n d’thàinig mise air tir an Sasghuinn; mur bhith sin bha rùn air mo thoirt leis; ach air do’n Tighearna, ni eile a rùnachadh, chum aon ni no ni eile maille oirnn an Eirin gus an robh e ro an moch. Fhuair mi dà no tri a litrichean caoimhneil uaith; ach cha d’fhuair mi a thoileachas gu’m faca me tuille e. Bha dochas agam, an ceann tri bliadhna eile gu’m biodh cothrom agam air maitheanas iarruidh air, air son gach doilghios a chur mi air le’m’ easumhlachd; ach an long a bha gu thoirt dhachaidh, thàinig i gun esan aice. A reir a chunntais a b’fhearr a fhuair sinn uime bha e air a bhualadh leis an orc am feadh a bha e ’ga fhairriceadh féin, agus chaidh a bhàthadh beagan roimh dhi teachd a stigh do’n chala. Gabh mo leithsgeul, air son dol co fad’ a leth-taobh. Air d’am athair a bhi deonach gach ni a dheanamh gu’m thoileachadh, roimh dha falbh, chaidh e shealltuinn air mo chairdibh an Cent, agus thug e aonta dha na phosadh mu’n robhas a labhairt o chionn fhada. Mur so ’nuair a phill mi go Cent chunnaig mi nach robh ach aonta aon neach eile ri fhaotainn. D’a taobhsa bha mi co neo-chinnteach a’s cheud là chunnaig mi i. Thug mi gu—deireadh a cheud mhios an t-samhraidh 1748, mu’n là sheol m’athair o Nore, [TD 94] ach fhuair mi mach gu’n dh’ullaich an Tighearna athair eile dhomh, anns an duine uasal d’am buineadh an long a thug dhachaidh mi. Ghabh e rium le mòr bhàigh agus leis na geallaibh bu mhò do chairdeas agus do chomhnadh; ach cha robh iad ni bu mhò na choimhlion e o’n àm sin; oir is ann na chomain-sa tha mi, mar inneal an làimh Dhé, air son na h-uile tha mi sealbhachadh; ach cha bhiodh e an comas eadhon a charaidsa feum a dheanamh dhomh, mur tachaireadh an Tighearna rium air mo thurus dhachaidh, mar a dh’innis mi cheana. Gus a sin bha mi cosmhuil ris an duine air a shealbhachadh leis an legion. Cha cho-eignicheadh beachd air mo mhaith féin, no cuimhneachadh air na chaidh seachad, no curam mu thimchioll na bha re teachd, mise gu fuireach an taobh a stigh do chriochan gliocais chumanta. Ach a nis bha mi ann an tomhas air m’aiseag gu’m chiall. Thairg mo charaid dhomh air ball riaghladh luinge, ni, air dhomh smuaineachadh le cudthrom mu thimchioll, a dhiult mi ’san am sin. Bha mi gus a so a ghnàth neo-shuidhichte, agus neo-churamach, agus uime sin, smuainich mi gu’m b’fhearr dhomh turus eile a dheanamh an toiseach, agus ionnsachadh umhlachd a thoirt, agus tuille seallaidh agus cleachdaidh fhaotainn ann an gnothuichibh ma bu dana leam a leithid a churam a ghabhail o’s làimh. Fhuair companach a cheannaird, a bha air an long air an dthàinig mi dhachaidh, gu bhi na cheannard air long ùr, agus cheangail mi mi [TD 95] féin gu dol maille ris-an mar chompanach ceannaird. Chaidh mi air turus goirid a Lunnain agus a dh’aite eile anns nach do fhreagair cùisean a reir mo dh’uilsa. Cha d’fhuair mi ach aon chothrom air Mrs ——— fhaicinn do’n nach d’rinn mi a bheag a dh’fheum, oir bha mi an comhnuidh gle chearbach ann a bhi tagar mo chùis féin le cainnt beoil. Ach an deigh dhomh pilleadh gu L——— chuir mi a cheist air a leithid a dhòigh, ann an litir, nach b’urrainn i seachnadh, mur do thog mi am mearachd i, teachd gu freagairt air chor eigin a thoirt. Thoilich a freagar mi ge do bha e air sgriobhadh le ro-fhaicill, do bhrigh gu’n thuig mi uaith, gu’n robh i saor o cheangal air bith eile, agus toileach air feitheamh re criòch an turuis a ghabh mise o’s làimh. Bu nàir leam dragh a chur ort leis na nithibhse, mur bhith gu’n d’iarr thu féin e. Jan. 20. 1763. LITIR X. THUG mo cheangal re gnothuichibh mara orm a bhi smuaineachadh gu tric, gu’m feud, na coachladhan a ta re’m faicinn ann am faireachduin Chriosduidhean a bhi gu h-iomchuidh air an soilleireachadh o na bheil a’ tachairt air turus- [TD 96] cuain. Smuainich dhuit féin air àireamh shoitheachan, aig caochladh àmanaibh agus o chaochladh aitibh a’ seoladh a dh’ionnsuidh an aon chala. Tha cuid a nithe anns an cordadh iad uile re cheile: a chairt-iuil leis am biodh iad a stiuradh; an cala ’ta aca san amharc; riaghailtean gnathaichte seoladaireachd, araon do thaobh cumail ceart nan soithichan, agus gabhail beachd air na reultaibh. Bhiodh iad so, an aon ni annta uile. An nithibh eile bhiodh eadar-dhealachadh nam measg. Theagamh nach tachaireadh a dhà dhiubh ris an aon roinn do thaobh gaoithe agus soirbheis. Tha sinn a’ faicinn cuid a’ seoladh le gaoith gu’n toil, agus an uair a ta iad a’ saoilsinn gu’m bheil an turus ionann is tearuinte tha stad air a chur orra leis a ghaoith a bhi tionndadh nan aghaidh; agus an deigh a bhi tionndaidh nan aghaidh; agus an deigh a bhi fulang moran cruaidh-chais, agus cunnairt, agus eagail gu tric gu’m brisear an long tha iad a grad dhol as, agus a teachd do’n chala bu mhiann leo. Tha cuid eile ’ta tachairt re na deuchainnibh is mò an toiseach. Tha iad a’seoladh re àm doinionn agus tha iad gu tric air an tionndaidh air an ais; fadheoidh, tha’n turus a’ soirbheachadh leo, agus tha iad a teachd a stigh do’n chala le slighe shaibhear agus phailt. Tha cuid eile air an cuairteachadh gu dlù le luchd creich, agus naimhdibh, agus is eigin dhoibh an slighe fhosgladh leis a chlaidheamh. Tha cuid eile nach ’eil a’ tachairt ri bheag air bith do nithe comharaichte nan turus. Nach ann mar so a ta e anns a bheatha spioradail. Tha na fior chreid- [TD 97] mhich uile ’g imeachd leis an aon rioghailt, agus a toirt an aire do’n aon ni. Is e focal Dé is cairtiùil dhoibh; ’s e Josa araon is reul-crann-arain agus is grian dhoibh tha’n cridheachan agus an aghaidhean suidhicht’ air Sion. Gus a so tha iad uile nan aon chorp air am beothachadh leis an aon spiorad, gidheadh tha ’m faireachduin air a dheanamh suas air na stéidhibh cumanta-sa fad’ o bhi an aon ni. Tha’n Tighearna, ann a cheud ghairm agus ann a fhreasdailibh a ta leantuinn a’ toirt fainear cor gnē, talanna gach neach, agus na sheirbhis no nan deuchainnean fa leth a dh’orduich e air an son. Ge do tha na h-uile àmanaibh air am feuchainn gidheadh tha cuid a’ dol troimh thurus na beatha, moran ni ’s sàmhaiche na muinntir eile. Ach esan a ta siubhal air sgiathaibh na gaoithe, agus a ta tomhas nan uisgeachan ann an dearn’ a làimh cha’n fhulaing e do neach air bith, a ghabh e aon uair air a churam, dol a dhìth ’sna stoirmibh, ged fheudadh e bhith, theagamh, car tamuill, gu bheil moran dhiubh ullamh air gach dochas a chall. Cha’n fheud sinn uime sin faireachduin muinntir eile anns gach dòigh, a dheanamh na riaghailt dhuinn féin, no ar faireachduin féin a dheanamh na riaghailt do mhuinntir eile, gidheadh tha na mearachdan-sa lionmhor, agus tha iad a geintinn moran eile. Air mo shon féin dheth bha gach earrann do mo staid iongantach. Is gann a thachair mi ri h-aon cosmhail rium féin. Tha iad tearc ro-thearc a bha air an aiseag o leithid a chor uamhasach, agus am beagan a [TD 98] fhuair a leithid so a throcair thainig iad mur bu trice troimh chruaidh dhearbhaibh coguis; agus air do’n Tighearn a bhi a’ toirt sith dhoibh bha ’m beatha an deigh sin mar bu trice, ni b’eudmhoire, soilleire, agus eis-iomplairiche, na beatha muinntir eile am bidheantas. A nis mar air an aon làimh, bha mo dhearbhan gle mheasarra agus fada fuidh na dfheudhta bhi ’gearbsa o’n ath-bheachdachadh uabhasach a bha agam r’a dheanamh; mar sin air an làimh eile bha mo cheud toiseachadh air aidmheil na diadhachd co-anmhunn a’s d’fheudar a smuaineachadh. Cha b’aithne dhomh riamh an t-àm sin air am bheil iomradh againn Jer. ii. 2. Taisb. ii. 4. ris an abairear àm a cheud ghraidh. Co aig nach biodh earbsa a chluinntinn, an déigh a bhi faotainn a leithid do shaorsa iongantaich gun dùil rithe, is fhuair mise; agus an déigh mo shuilean a bhi air an soillseachadh, ann an tomhas, gu bhi faicinn nithe gu ceart; nach dlù-leanainn ris an Tighearn agus ra shlighibh le làn rùn mo chridhe, agus nach cuirinn tuille mo chomhairle ri fuil agus feoil? Ach mo thruaighe is fhada ghabh so uam. Dh’ionnsuich mi a bhi ’g urnuigh; agus chuir mi beagan meas air focal Dé, agus cha robh mi ni b’fhaide nam an-diadhach; ach lean m’anam fathast ris an ùir. Goirid an deigh dhomh falbh o L——— thoisich mi air leigeil diom, agus air cinntinn las ann am feitheamh air an Tighearna. Chinn mi diomhain agus faoin ann mo chainnt, agus ge do bhuail mo choguis mi gu tric, gidheadh chaill mi mo bhuill arma, [TD 99] agus chùl-sleamhnuich mi gu dluth, agus air chionn duinn Guinea a ruigsinn, bha a coslach gu’n dhi-chuimhnich mi uile throcairean an Tighearn dhomh, agus mo gheallanna féin, agus an dol a mach dha nach robh mi a fanoid air nithibh naomha, bha mi ionann is co olc a’s bha mi roimh. Dh’ullaich an nàmhaid lion buairidh, agus chinn mise mo chreach fhurast dha: agus rè mios chuir e chodal mi ann a cursa uilc, do’n nach b’urrainn mi beagan mhiosan roimh so a smuaineachadh, gu’n robh e air chomas dhomh a bhi ciontach. Cia iomchuidh is a ta earail an abstoil. “Thugaibh an aire air eagal gu’n cruaidhichear neach air bith agaibh troimh mhealltoireachd a’ pheacaidh.” Co a d’fheudas a bhi faicilleach ni’s leor! Tha’m peacadh air tùs am mealladh, agus an sin a cruadhachadh; bha mi nis ceangailte gu daingean ann a shlabhruidhibh, cha robh bheag a dh’iarrtuis, no comas air bith agam gu mi fein a shaoradh. Cha b’urradh mi gun a bhi air àmanaibh a smuaineachadh, cia mar a bha e maille rium, ach nam feuchainn ri cur na aghaidh, bha e diomhain dhomh. Bha mi ceart mar bha Sampson ’nuair a thuirt e. Theid mi mach agus crathaidh mi mi féin mar air uairibh eile. Ach dfhàg an Tighearn e agus fhuair esan e féin gun chobhair aig, ann an làimh a naimhdean. Le cuimhneachadh air an ùine so, theagaisg an Tighearna mi gu tric o ’nuair sin, cia bochd an creatoir mi annam fein, neo-chomasach, air sea- [TD 100] samh aon uair gun leasachadh ùr a neart agus o ghras o’n tobair-chinn. Fadheoidh ghabh an Tighearna tha neo-chriochnaicht’ ann an trocair, mo chùis os làimh. Be bu dreuchd dhomh air an turus so, am feadh-sa bha sinn dlùth do thir, a bhi seoladh o aite gu h-aite anns a bhàta mhor, a ceannach thraillean. Bha’n long aig Sierra Leon, agus mise nis aig na Plantanes, aite mo dhaorsa roimh so, far am feudadh gach ni a chithinn, mo chur an cuimhne air mo neo-thaingealachd. Bha mi socrach do thaobh mo mhaoin, agus bha iadsan a rinn roimhe tàir’orm, a nis a’sireadh mo gheanmath. Bha na craobhan meas a shuidhich mi air cinntinn mora, agus coslach orra meas a ghiulan an ath-bhliadhna, agus air chionn sin bha dùil agamsa re pilltinn air long leam fein. Ach cha do dhrùigh a h-aon do na nithibhse orm, gus, mar a thuirt mi an d’thainig an Tighearna a rìs ’gam thearnadh. D’fhiosraich e mi le teasaich mhoir a bhris an cuibhreach sgriosail, agus a thug aon uair eile do’m ionnsuidh fein mi. Ach o ciod an sealladh? Shaoil mi gu’n robh mi nis air mo ghairm air falbh. Bha mo chunnartan agus mo shaorsa roimh so, m’urnuighean dùrachdach ann na àm eigin, mo bhoidean dùrachdach’ an lathair an Tighearna aig a bhord, agus m’ath-dhioladh neo-thaingeal air son a mhaitheis uile ’an amharc m’inntinn comhla. An sin thoisich mi air a dhùrachduin g’un leigeadh an Tighearna leam dol fuidh ’sa chuan an uair a ghuidh mi air tùs air son trocair. Car tamuill beag, cho-dhùin mi [TD 101] gu’n robh dorus na h-earbsa, air a dhùnadh gu tur, ach cha do mhair so fada. Anmhunn, agus ionann is ann mo bhreislich, dh’éirich mi om’ leaba agus shnàgail mi gu ait’ uaigneach do’n eilein; agus ann an so fhuair mi saorsa as ùr gu urnuigh a dheanamh. Cha bu dana leam tuille rùna a chur orm féin, ach mi féin a thilgeadh an lathair an Tighearna gu dheanamh rium mar a b’àill leis. Cha chuimhne Leam gu’n robh earrann air bith do’n scriobtuir, no taisbeanadh air bith air an cur ’an lathair m’inntinn, ach anns a choitchionn, bha mi air mo chuideachadh gu bhi ’gearbsa agus a creidsinn anns an t-Slanuighear a chaidh cheusadh. Bha’n eallach air a toirt air falbh om’choguis; agus cha b’e ’mhàin gu’n robh mo shith, ach bha mo shlainte mar an ceudna air a h-aiseag. Cha ’n urradh mi a radh gu h-obann; ach chaidh mi am feabhas o’n uair sin, agus co aithghearr is an uair a phill mi a dh’ionnsuidh na luinge dà là an dēigh sin, bha mo shlainte iomlan an là roimh dhomh dol air bord. Agus o’n àm sin tha dùil agam gu bheil mi air mo shaoradh o chumhachd agus tighearnas a pheacaidh ged tha mi fathast ag osnaich, air dhomh a bhi air mo luchdachadh le oibrichibh agus cath a pheacaidh, a tu gabhail comhunidh annam. Thoisich mi nis a rìs re feitheamh air an Tighearna, agus ge do chràidh mi gu tric a spiorad, agus ge do chaidh mi gu hamaideach air seachran uaith o sin (C’ùin mo thruaighe a bhios mi ni ’s glice) gidheadh ghleidh a ghràs cumhachdach mi gu so o leithid a dhubh-chlaonadh [TD 102] is sin a ta mi nis an dēigh a chur air chuimhne: agus tha mi gu h-iriosal ’g earbsa ann a throcair agus ann a gheallaibh gu’m bi e na fhear-iùil agus na dhion dhomh gus a chrìch. Bha na dh’fheudainn a dh’ùine a sheachnadh air an turus so air a caithe, am mor chuid, ag ionnsuicheadh na Laidin a dhi-chuimhnich mi nis gu builleach. Thoisich an t-iarrtus so annam o oidhirp leanmhuinn air aon a dh’oran Horace a chunnadh mi ’an leabhair eile. Thoisich mi air an Laidin fo gach ana-cothrom a dfheudadh a bhith. Thuit mi air a bhard, theagamh is dorra do’n bardaibh eadhon Horace fein, mar mo cheud leabhar. Fhuair mi seann eadar theangachadh dheth; agus be so, maille ri Biobuil Laidin Chastalio na h-uile comhnadh a bh’agam. Dhi-chuimhnich mi Leabhar-Fhocal ach cha d’thugadh sin orm sgur. Bha leabhar Horace agam mar tha e air a mhìneachadh air son mac righ na Frainge: agus le bhi coimeasachadh nan oran re na foclaibh nach b’urrainn mi a thuigsinn o aon àite eile anns a chlar-innseadh, leis a chomhnadh a gheibhinn o na Bhiobal Laidin; air an dòigh so, le neart cruaidh-dhichill, gu tric mo dhuisg, an uair a dh’fheudainn a bhi nam chodal, dh’ionnsuich mi beagan mu’n phill mi; agus cha be ’mhàin gu’n thuig mi seadh agus brigh moran do na h-orain, agus cuid d’on litrichean, ach thoisich mi air a bhi gabhail tlachd ann am maise a sgriobhaidh agus fhuair mi beagan blas air an ni ris an abair Mr Lagh dian-dhearcadh air ughdaraibh Laidin: agus gu cinnte, air an [TD 103] dòigh so bha Horace ni bu deis, agam na tha e aig cuid eile, tha ni’s eolaich’ air an Laidin, oir bha mo chomhnadh cho beag is gu’n robh an earrann agam gu tric air mo theangaidh, mu’n a làn thuig mi i. D’fhàg mo dhreuchd ’sa bhàta mhòr, re nan ochd miosan a bha sinn air criochaibh Africa, buailteach mi do iomadh cunnart agus gàbhadh o ghrein loisgeach, agus fuar dhealt, gaothaibh, uisgibh, agus tairneanach, ann am bàta fosgailte; agus air tir, a thurusaibh fada troimh choilltean, agus o ghnè sluaigh na duthcha tha ann an iomadh aite, an-iochd-mhor, meallta, agus a’ feitheamh re cothromaibh air son uilc a dheanamh. Bha caochladh bàtachan air an gearradh as air an dòigh so, daoine geala air am puinsionachadh, agus dh’adhlaic mi cuignear no sèanear le teasaichibh o mo bhàta féin. An uair a bhithinn a dol air tir, no pilleadh uaith, ann am bàtaibh beaga, bha mi ni bu trice na aon uair air mo thilgeadh thairis le neart nan tònn, no briseadh na mara, agus air mo thoirt gu tir leth-mharbh, oir cha b’urradh mi snàmh. Lionainn moran litrichean le bhi toirt cunntais air na dol as o chunntartaibh air am bheil cuimhne agam, agus theagamh gu’n dhichuimhnich mi moran eile. Gabhaidh mi a h-aon o mhoran gu bhi feuchainn na fhreasdail iongantaich sin bha deanamh fàire orm air son maith agus cha’n’eil mi ’an teagamh nach saoil thusa gur fiu e an àire thoirt dha. An uair a bha ar ceannachd air a criochnachadh agus a bha sinn gu seoladh do na Hinnsibh- [TD 104] an-iar, be’n t-seirbhis dheireannach a bh’agam r’a dheanamh ’sa bhàta, comhnadh a dheanamh ann a bhi toirt uisge a stigh o thir. Bha sinn an sin aig Rio Cestors. Bu ghnàth leam dol a dh’ionnsuidh na h-aibhne mu fheasgar le gaoith na mara, agus mo luchd a thional mu’n dorchadh an oidhche, agus pilleadh a dh’ionnsuidh na luinge ’sa mhadainn. Rinn mi iomadh turus goirid dhiubh so, ach bha’m bàta air cinntinn sean, agus ionann is gun fheum innte. Bha’n t-seirbhis so mar an ceudna faigse air a bhi ullamh. Aon là an deigh mo dhinneir a dheanamh air an long bha mi’g ullachadh gu pilltinn do’n abhainn mar bu ghnàth leam. Ghabh mi mo chead do’n cheannard, thug e gach uile ordugh a bh’aig dhomh; bha mi glan ullamh anns a bhàta, agus aig grad fhalbh o’n luing. Air a mhionaid sin thàinig an ceannard nuas o sheomar agus ghairm e mi air bord a rìs; chaidh mi, le dùil re tuille orduigh fhaotainn uaith, ach thuirt e gu’n ghabh e na cheann (mar dh’ aimnich esan e) gu fanainn an là sin ’san luing, agus a reir so dh’orduich e do neach eile dol am’ aite. Bha iongantas orm ri so, do bhrigh nach do chuireadh am bàta air falbh riamh as m’easbhuidh, agus dh’fhiosraich mi an t-aobhar dheth, ach cha b’urradh e thoirt, ach sin a dh’innis mi cheana gu’m b’ann mar so a b’aill leis e bhith. Mar so d’fhalbh am bàta as m’easbhuidh, ach cha do phill i tuille. Chaidh i fuidh an oidhche sin ’san abhainn, agus bhàthadh an neach a chaidh na’m àite-sa. Bha mi air mo chur gu smuainneachadh ana-barrach [TD 105] an uair a fhuair sinn sgeul mar a thachair an ath-mhadainn. Cha b’urradh an ceannard e fein gun a bhi air a ghluasad, ge do bha e gu tur na choigreach do dhiadhachd, co mor is gu’n aicheadh e freasdal sonruichte; ach thuirt e nach robh aobhar air bith aig air son mise ordachadh air m’ais ’san àm; ach gu’n d’thainig e gu h-obann na cheann mise a chumail air m’ais. Is ionghnadh leam gu’n dhearmaid mi so ann am ochdamh litir, do bhrigh gu’n d’amhairc mi air an comhnuidh, mar aon do na nithe ’s iongantaiche ann mo bheatha. Jan. 21. 1765. LITIR XI. BEAGAN laithean an deigh dhomh a bhi air mo shaoradh mar so a chunnart ris nach robh dùil agam, sheol sinn gu Antigua agus uaith sin gu Baile Thearluich ann a Carolina-mu-dheas. Bha moran a mhuinntir dhiadhaidh ’san àite-so ach cha b’aithne dhomh sa cia mar a gheibhinn a mach iad; cha b’fhiosrach mi, gu deimhin, gu’n robh eadar-dhealachadh ann, ach shaoil mi gu’n robh gach uile bha frithealadh air an aoradh fhollaiseach nan criosduidhean maithe. Bha mi air an dòigh cheudna ’san dorcha mu thimchioll searmonachaidh, gun teagamh air bith agam, [TD 106] nach b’eigin gu’m biodh gach ni a thigeadh o’n mhinisteir ro mhath. Fhuair mi cothrom dhà no tri a dh’ uairean a bhi ’g eisdeachd ministeir nach robh do’n eaglais shuidhicht, d’am b’ainme Smith, duine a reir mar a fhuair mi mach o sin, tha mi a creidsinn, bha na shearmonaiche maith agus comasach an t-soisgeil; agus bha ni eigin ’na ghnùis a chuir iongantas orm, ach cha do làn thuig mi e. Tha na briathran is fearr a labhras daoine neo-tharbhach gus am bheil iad air am mìneachadh, agus air an cur ruinn le spiorad Dhé, an Ti a mhàin is urrainn a bhi fosgladh a chridhe. Chunnaic an Tighearn iomchuidh car tamuill, nach ionnsuichinn sa ni no bu mhò na chuidicheadh e mi gu bhi tional o m’ fhaireachduin agus o m’ smuaintibh féin. Bha mo ghiulan gle neo sheasmhach ’san àm so. Bu teirc là ’nuair a cheaduicheadh mo gnothuch dhomh, nach rachainn gu h-uaigneach do na coilltibh, agus raonaibh (oir b’iad so an còmhnuidh, an uair a bhiodh iad faigse air làimh, na h-aitean urnuigh bu taitniche leam), agus tha dùil agam gu’n thoisich mi air blasad air millseachd co-chommuin ri Dia ann an cleachda na h-urnuigh agus a chliù, agus gidheadh chaith mi am feasgar gu tric ann an cuideachd dhiomhain, agus gun diu. Air chinnteas bha mo thlachd ann an cridhealas saoghalt air a lughdachadh gu mòr, agus bu mhò a bha mi nam fhear-amhairc no nam fhear comhphairteachadh do’n toilinntinn; ach cha’n fhac mi fathast gu’m feumainn an seachnadh gu tur. Gidheadh do bhrigh gu’n robh m’ aontachadh le cleachda a- [TD 107] gus cuideachd ’g eiridh ni bu mhò o easbhuidh soluis, na o leanmhuinn cheann-laidir, agus gu’m bu toileach leis an Tighearna mo ghleidheadh o nithibh b’fhiosrach mi bhi peacach, bha sith coguis agam mur bu trice; agus bha m’ iarrtuis dhùrachdach a dh’ ionnsuidh nithe Dhe. Fathast cha b’aithne dhomh cudthrom na h-earail, “Seachnaibh gach uile choslas uile.” Ach gu ro thric ghabh mi orm teachd gu bruaich a bhuairidh; ach bha’n Tighearna trocaireach d’am anmhuineachd, agus cha’n fhulaingeadh e do’n namhaid buadhachadh am aghaidh. Cha do chur mi a mach air muinntir an t-saoghail gu h-obann (mar a d’fheudht a bhi ’g earbsa ann mo staid sa) ach bha mi air mo thoirt le cuid is cuid gu bhi faicinn an dragha agus an amaideachd, agus an uair a chunnaig mi e, neartuich an Tighearna mi gu’n treigsinn. Ach chaidh beagan bhliadhnachan seachad mu’n robh mi air dol as gu tur o aontachadh le moran nithibh, air uairibh, nithe nach dana leam a nis air chor air bith a dheanamh. Chriochnaich sinn ar turus agus thàinig sinn gu L——. An uair a fhuaireas gnothuichean na luinge an orduigh; chaidh mise d’a Lunnainn agus o sin (mar chreideas tu) chaidh mi gu h-aithghearr do Chent. Chaidh tuille is seachd bliadhna seachad o na cheud uair a chaidh mi shealltuinn orra. Cha b’urrainn smuaintean do’n ghne so a bhi ni b’fhaoine, no mairsinn fuidh mhi-mhisnich ni bu mhò, na rinn mo chuidsa. Gidheadh trid ard-riaghlaidh maitheis Dhé ’nuair a [TD 108] bha mi coslach ri bhi air mo thoirt thairis dhomh féin, agus gu dall a’ leantuinn m’ aignean féin, bha mi air mo stiuradh le làimh nach b’aithne dhomh gu coi-lionadh m’iarrtuis. Bha gach uile amla nis air an toirt air falbh. Leig mi dhiom m’amaideachd, bha teachd a stigh air a dheanamh cinnte dhomh, agus bha cairdean air gach taobh air aontachadh; bha chùis a nis gu h-iomlan eadar ruinn féin, agus an deigh na thachair a cheana bha i gu furas air a toirt gu crìch. Mar so ghlac sinn làmhan a cheile air a cheud là an earraich 1750. Saoilidh tu gu’n robh an taitneas a fhuair mi o’n aonadh so air a mheudachadh gu mòr le cuimhneachadh air na deuchainnibh neo-thaitneaeh troimh an d’thainig mi roimh so, agus na beachd a bha agam d’a throcair iongantaich agus freasdail Dhé ann a thoirt mu’n cuairt. Ma sheallas tu air t-ais gu toiseach mo shéathamh litir, cha’n’eil teagamh agam nach aidich thu gur tearc iad a fhuair aithne air no bu mhò d’an truaighe no d’an t-sonas a ta beatha an duinne (mar at a innte féin) comasach air a shealbhachadh no fhulang. Nach b’fhuras dha tachairt, mu’n aois an robh mise, ’nuair a bha mi co neo-chomasach air breithneachadh (air dhomh a bhi ’mhàin beagan mhiosan thar seachd bliadhna deug) gu’m biodh m’aigne foisneachadh far nach tachairinn ri ath-philleadh air bith, na far am biodh soirbheachadh mar an call bu mhò dhomh. Bha’n dàil fhada mar an ceudna, na throcair; oir nan soirbhicheadh leam ni bu luaithe roimh dh’an [TD 109] Tighearna bhi ’g atharrachadh mo chridhe, b’eigin gu’m biodh sinn air gach taobh mi-shona eadhon anns a bheatha-sa. Gu cinnteach lean maitheas agus trocair mi fad’ m’uile laithean. Ach mo thruaighe! thoisich mi gu h-aithghearr air fhaireachduin gu’n robh mo chridhe fathast cruaidh, agus neothaingeal do Dhia mo bheatha. An trocair dheireannach-sa, a thog mi dh’ionnsuidh na h-uile a b’urradh mi iarruidh no dhùrachdain ann am beachd aimsireil, agus d’am’ bu chòir a bhi na h-aobhar beothalais gu umhlachd agus cliù, thug i mach buaidh dìreach an aghaidh sin. Ghabh mi fois anns an t-sochair agus dhi-chuimhnich mi am fear-toirt. Bha mo chridhe bochd cumhang air a riarachadh. Thàinig fonn fuar neo-churamach, do thaobh nithe spioradail a steach orm, agus bhuaidhich e gach uile là. Bu mhaith dhomhsa gu’n robh a bhliadhna teachd air a h-aghaidh; oir ann am mios meadhonach an t-samhruidh fhuair mi ordugh dol do Libherpool. Dhùisg so mi o mo bhruadar. Cha ruig mi leas innseadh dhuit gu’n dh’fhairich mi cràdh an dealachaidh, agus a bhi as an lathair, cho mòr, co dhiu, ris an taitneas a bh’ agam roimh sin. Bu chruaidh, bu ro chruaidh a bhi dealachadh, gu h-àraidh an uair a dhùisg a choguis, agus a chur i an céill dhomh, cia neo-airidh a’s bha mise gu’m biodh sinn air ar caomhnadh gu tachairt a rìs. Ach chum an Tighearn a làmh rium. Bha mi am’ chreutoir bochd, fann, iodhal-aoraidh; ach bha beagan aithne agam a nis air an t-slighe gu [TD 110] teachd dlùth do chathair nan gras trìd fola Josa, agus bha sith gu h-aithghearr air a h-aisig do m’ choguis. Gidheadh fad’ an ath-thuruis, bha m’ aignean mi riaghailteach, agus anabarrach mar bhioran nam’ shùilibh, agus rinn iad gu tric mo throcairean eile neo-bhlasd, agus mi-thaitneach. Ach esan a ta deanamh gach uile ni gu ceart dh’ard-riaghail e so, mar an ceudna chum maith. Chinn e na aobhar beothaichaidh dhomh ann an urnuigh araon air a sonsa agus air mo shon féin; dfhág e mi ni bu shuarraiche mu chuideachd agus cridhealas, chleachd e mi ri gnè fhein aicheadh thoilicht a bha mi air mo theagasg an déigh sin a thionndaidh gu feum na b’fhearr. Am feadh a dh’fhuirich mi an Sasghunn bha litrichean eadar ruinn leis gach uile fhear-ruith; agus fad’ na h-ùine uile a bha mi air muir an déigh sin, chum mi an comhnuidh suas an cleachdadh sgriobhaidh dhà no tri dh’uairean ’san t-seachduin, (nan ceadaicheadh aimsir agus mo ghnothach dhomh ged nach fhaighinn cothrom air an cuir dhachaidh fad sé na ochd miosan comhla. Bha mo phaca litrichean gu tric gle throm, agus do bhrigh nach deachaidh a h-aon diubh aig àm air bith a chall tha nis, mu thimchioll dà cheud litir dhiubh so nan luidh an tasgaidh làimh rium. Tha mi ’g innseadh an fhurtaich bhig so a dhealbh mi, gus an ùine bha sinn dealaicht a dheanamh ni b’fhusa ghiùlan, do bhrigh gu’n robh buaidh mhaith aig os cionn mo cheud rùn-sa. Chleachd e mi re smuain- [TD 111] eachadh agus sgriobhadh air moran nithibh; agus dh’ionnsuich mi, gun fhios dhomh a bhi ni b’ealamh gu m’ inntinn a chur an céill, na b’urradh mi ionnsachadh air dòigh eile. Mar thàinig mi air m’ aghaidh ann an eòlas na diadhachd chinn mo litrichean ni bu chudthromaiche, agus air uairibh, tha mi fathast a’ faotainn feuma o shealltuinn thairis orra, gu h-àraidh mar tha iad ’g am chur an cuimhne air na freasdailibh a thachair rium, agus staid m’inntinn aig caochladh àmanaibh air na turusaibh-sa, a leiginn air di-chuimhne, mar bi so. Sheol mi o L—— air a cheud mhios do’n fhoghara 1750; nam cheannard luinge mhaithe. Cha’n’eil nithe ro shonruichte agam ri’n innseadh o’n àmsa, agus uime sin bithidh mi gearradh goirid mo sgeoil, air eagal is gu’n sgithich mi thu, gidheadh tha mi toileach cunntas aithghearr a thoirt dhuit air m’eachdraidh a nuas gu 1755; a bhliadhna thog mi mo chòmhnuidh ’san aite-so. Bha riaghladh agus curam deich pearsa fichead agam a nis; D’fheuch mi re’n riaghladh le truacantas, agus eisiomplair mhaith a chur rompa; chuir mi suas, mar an ceudna, aoradh follaiseach dà uair air là an Tighearna, le bhi cuairteachadh an dleasnais mi féin. Ni b’fhaide na so cha deachaidh mi am feadh a d’fhan mi anns an dreuchd-sa. Air dhomh moran ùine a bhi agam a nis, lean mi air ionnsachadh na Laidin le soirbbeas maith. Chuimhnich mi Leabharfhocal a thoirt leam air [TD 112] an turus so; agus ghleidh mi leabhar no dhà eile, ach fathast be mo thuiteamas, a bhi deanamh roghainn do na leabhraichibh bu dorra thuigsinn. Chuir mi Jubhenal ri Horace; agus b’iad na leabhraichean eile ris na thachair mi, Libhi Cæsar agus Sallust. Cha duilich dhuit fhaicinn gu’n robh obair chruaidh agam r’a dheanamh le bhi toiseachadh (far a’m bu chòr dhomh sgur) le Libhi agus Horace. Cha robh fios agam air an eadar-dhealachadh a ta nan dòigh sgriobhaidh. Chuala mi Libhi air a mholadh gu mòr, agus rùnaich mi gu’n tuiginn e. Thoisich mi aig a cheud duilleig, agus chuir mi riaghailt romham féin, b’ainmic a bhris mi, nach rachainn air m’ aghaidh a dh’ionnsuidh an dara h-earrainn gus an tuiginn a cheud earrann, agus mar sin sios. Thàinig stad orm gu tric ach cha do chaill mi mo mhisneach. An sud ’san so thachair mi ri beagan earrann a fhuair brath ann, agus b’eigin dhomh briseadh air mo riaghailt, agus an toirt thairis, gu h-àraidh do bhrigh nach robh mìneachadh air bith nam leabhar gu’m chòmhnadh. Ach cha do thachair moran dhiubh rium; oir mu’n d’thàinig deireadh an turuis b’urrainn mi ach beag Libhi a leughadh o cheann gu ceann co-ealamh ri ughdar Bearla. Agus fhuair mi mach le bhi faotainn thar an deuchainn-sa gu’n dh’fhuair mi thar gach uile ann an aon. Cha do chur ughdaran eile mòr dhragh orm an uair a thachair iad rium. Gu bhi goirid, rè h-ùine dhà na tri a thuruis, chinn mi gle eòlach air na h-ughdaraibh Laidin is fearr. [TD 113] (Tha mi a’ cur na h-uile a ta agam r’a ràdh air an ni so ’an aon àite). Leugh mi Terence Bhirgil agus caochladh earrannan do Chicero, agus na leabhraichean Laidin is deireannaich a sgriobhadh, mar tha Buchanan, Erasmus agus Casimir, Fadheoidh rùnaich mi gu’m bithinn féin cosmhuil ri Cicero, agus shaoil mi gu ’m bu bhreagh ni a rireadh, a bhi comasach air Laidin ghlan chiatach a sgriobhadh. Thug mi cuid a dh’ionnsuidhean air, ach mu’n àmsa chunnaic an Tighearn iomchuidh mo thoirt ni b’fhaigse air fein, agus beachd ni bu shoilleire a thoirt dhomh air an ‘neamhnuid luachmhor;’ an ionmhas phriseil a ta folaicht ann an achadh an t-soisgeil; agus air sgàth so rinneadh toileach mi a bhi dealachadh ri m’uile shaibhreas ùr a rinn mi suas. Thoisich mi air smuaineachadh gu ’m bheil ar beatha ro ghoirid (gu h-àraidh mo bheatha-sa) gu ùine sheachnadh air son a leithid a dhiomhanais shaoithreachail. Cha b’urrainn bard no fear-eachdraidh dhiubh aon fhocal innseadh dhomh mu thimchioll Josa, agus air an aobhar sin, thog mi orm do’n ionnsuidhsan a a b’urrainn. Bha na leabhraichean Laidin air tùs air an cumail re aon mhadainn ’san t-seachduin, agus mu dheireadh air an cur air chùl gu tur. Cha do sheall mi air Libhi, o cheann chuig bhiadhna; agus tha mi saoilsinn nach b’urradh mi nis a thuigsinn ceart. Tha cuid dh’earrannan do Horace agus do Bhirgil air am bheil meas agam fathast, ach is ainmic a ta iad a’teachd am’ rathad. Is annsa leam sailm Lai- [TD 114] din Bhuchanan na làn sceilp a leabhraichean Laidin Elsibhir. Ach so bhuanich mi dheth, agus ni ’s mò cha’n’eil mi ’g iarruidh, uiread do’n Laidin is gu’m bheil mi comasach air leabhar feumail no iongantach air bith tha sgriobta ’sa chainnt sin a leughadh. Mu’n àm cheudna, agus air son an aobhair cheudna a thilg mi mach air Libhi, chuir mi cùl ris na Matematics. Chunnaig mi, nach b’e mhàin gu’n chaith iad moran d’am ùine; ach gu’n thog iad tuille ’sa chòir do m’ smuaintean; bha mo cheann direach làn dealbh. Bha mi sgith do fhirinnean fuara anns a cheann nach b’urrainn aon chuid an cridhe bhlàthachadh, no ath-leasachadh, ach ’smò tha deanamh suas fein. Cha dh’fhuair mi a bheag d’a leithid so a ghliocas ann an eachdraidh beatha Chriosd, no ann an sgriobhadh Phoil. Cha duilich leam gu’n robh pairt chothrom agam gu eòlas fhaotainn air ceud thoiseach na nithe so; ach a ta mi a’ faicinn mòr aobhar air an Tighearna mholadh, air son gu’n d’aom e mi gu stad trà, agus am feadh a bha mise caitheamh mo shaothair air son a ni sin nach aran, gu’m faca e iomchuidh fion agus bainne, gun airgiod agus gun luach, a chur air mo bheulaobh. Bha mi ceithir miosan deug air mo cheud turus, thàinig mi troimh iomadh staid chunnartach agus dheuchainneach, ach cha do thachair ni comharaichte air bith: agus do bhrigh gu’m bheil gu’m bheil a rùn orm a bhi ni ’s mion mu’n dara turus, cha’n abair mi, ach gu’n robh mi air mo ghleidh- [TD 115] eadh o gach uile olc; agus air dhomh moran fhaicinn a’ tuiteam air mo laimh dheis agus chli, thugadh mise dhachaidh ’an sìth, agus dh’ aisigeadh mi do’n aite sin a dh’ ionnsuidh an robh mo smuaintean ’gam threòrachadh gu tric, air an dara là do cheud mhios a’ gheamhruidh 1751. Jan. 22. 1763. LITIR XII. THA mi ionann ’s a’ dùrachdain gu’m b’urradh mi an litir mu dheireadh a thoirt air a h-ais, agus mo ghealladh mar an ceudna. Tha eagal orm gu’n ghabh mi iomaididh o’s làimh, agus gu’m biodh mi air m’ fhaotainn ro-fhéineil. Ciod a ta agam tuille air am fiu dhuit amharc? Ach is beagan toileachas inntinn leam gu’m bheil mi nis a sgriobhadh d’a t-ionnsuidh sa ’mhàin; agus tha mi creidsinn gu bheil a shuairceas agad na ghabhas leithsgeul a ni nach gabhadh toirt uamsa, air dhòigh air bith eile, ach le dearbhadh air do chaoimhneas-sa. Goirid an déigh an àm aig na chriochnaich an litir mu dheireadh a sgriobh mi, is e sin, anns an ùine eadar mo cheud agus an dara turus an déigh mo phòsaidh, thoisich mi air gnè cunntais-lathail a chumail, is cleachd so a fhuair mi ro-fheumail. Fhuair mi dearbhan tric air neo-thaingealachd a- [TD 116] gus olc mo chridhe rè na h-ùine so. Cha robh beatha shocrach am measg mo chairdean, agus ann an làn seilbh air m’uile iarrtus, fabhorach do chinneachdain gràis, agus thug e aobhar irioslachaidh dhomh gach là. Gidheadh anns an iomlan bha mi a’buadhachadh. Chinn mi eòlach air leabhraichibh a thug ni bu mhò a bheachd dhomh air teagasg agus faireachduin criosdail, gu h-àraidh air na leabhraichibh so, ‘Beatha Dhé ann an anam an duine’ le Scougal: Smuainteachadh le Herbhei, agus beatha Choirneil Gardiner. Do thaobh searmonachaidh, cha chuala mi ach an seorsa cumanta, agus is gann a bha beachd air bith agam air ni b’fhearr; ni mò mheal mi sochair eòlais a bhi agam air criosduidhean eile: bha mi mar an ceudna air mo chumail air m’ais gu mor le gnè ghealtaich dhùinte bh’ agam. Bha eagal orm gu’m bithinn air mo mheas ro-chruaidh, agus ged nach bu dana leam a bhi beo gun urnuigh cha robh a chridhe agam na dheanadh iomradh air re mo mhnaoi, gus na labhair i féin air tùs uime; bu cho fada bha mise o na comharaibh sin air eud agus gràdh a ta coslach a bhi co-freagarrach do chur neach do’n robh na h-uiread air a mhaitheadh. An ceann bheagan mhiosan ghairmeadh a ris a mach mi, agus sheol mi o Libherpool ann an long ùr air mios mu dheireadh an t-samhruidh 1752. Is eigin e bhith gu bheil luchd-mara air an dùineadh a mach o shochair orduighean follaiseach, agus co-chomunn Criosdail, ach mar a thug mi fainear a cheana, cha do chaill mi mor- [TD 117] an o so ’san àm. An leth a mach do na sochairean a dh’ ainmich mi, cha’n aithne dhomh gairm air bith eile air am bheil coslach a bhi cho-fabhorach, no tha toirt ni ’s mo do chothroman do inntinn air a dùsgadh, air son beatha na diadhachd a chur air a h-aghaidh ’san anam, gu h-àraidh do neach aig am bheil riaghluidh luinge, agus le so aig am bheil e air chomas da, an-riaghailt a chosgadh ann a muinntir eile, agus a bheatha fein a chaitheamh mar is àill leis; agus ni ’s mo ann an turusaibh do Africa, do bhrigh gu’m bheil na longan sa, mar is tric a’giulan a dhà uiread dhaoine agus a dh’ oifigich ri longaibh eile, ni a rinn mo dhreuchd sa gle fhuras, agus an dol a mach d’a chabhaig ceannachd air criochaibh Africa, nach ’eil bidheanta ach an tràs agus a rìs, bha pailteas ùine agam. A bhi air muir le’n leithidibh so a shochairibh, air a tharruing air falbh o bhuairibh do-aireamh, le cothrom agus togradh cridhe gu bhi a toirt fainear iongantais Dhé anns an doimhne mhoir, leis an dà shealladh is mo d’fheudar fhaicinn, na neamha sgaoilte mach, agus an cuan farsuing an còmhnuidh ’nan amharc agus far am bheil Freasdail solleir Dhé ann am freagairt urnuigh a tachairt gach là tha iad so nan cuideachadh, gu bhi beothachadh agus a’ daingneachadh creidimh, a ta ann a mor chuid a deanamh suas do’n t-seoladair dhiadhaidh easbhuidh nan sochairean, nach fheudar a mhealtuinn ach air tìr a mhàin. Agus air chinnteas, ge do bha m’ eòlas air nithibh spioradail (mar a ta eòlas gu tric air a [TD 118] mheas) gle bheag, gidheadh air uairibh, dh’amhairc mi air m’ais le doilgheas, air na h-aitibh so. Cha b’aithne dhomh riamh uairean ni bu mhilse, no ni bu trice a chomh-chomuinn maille ri Dia, na iad sin a mheal mi, air mo dhà thurus mu dheireadh do Ghuinea, ’nuair a bha mi, aon chuid, ionann is duint’ o chuideachd air an luing, no air tìr am measg muinntir na dùthcha. Shiubhail mi troimh na coilltean a’ beachd-smuaineachadh air maitheas sonruicht an Tighearna dhomhsa ann an àite, theagamh, far nach robh neach d’am b’aithne e fad’ aireamh mìltean do mhìltean mu’m thimchioll. Bu tric aig na h-àmanaibhse dh’ aisig mi sgriobhadh maiseach Phropertius da shealbhadair ceart, sgriobhadh làn toibheim agus cuthaich an uair a labhrear e ri creutoir, ach làn comfhurtachd, agus iomchuidheachd ann am beul a chreidmhich. “Sic ego desertis possim bene vivere sylvis, Quo nullo humane sit via trita pede; Tu mihi curarum requies, in nocte vel atra Lumen, et in solis tu mihi turba locis.” “Cia sona’ d’chuideachsa Mhic Dhé Ann an coilltibh fàsail bhithinn féin Ged nach biodh ceum gum’ sheoladh ’Nàm curam gheibhinn uaitse fois ’San dorcha stiuraidh m mo chos Bu chuideachd thu ’smi a-m’ aonar.” Bha mi air mo thearnadh gu h-iongantach air an turus so o mhorain chunnartaibh a chunnacas agus nach fhacas. Aig aon àm bha co-fheall am [TD 119] measg mo chuideachd féin gus an long a thoirt uam, agus tionndadh nan luchd-creach mara. ’Nuair a bha’n ceannairc ionann is ullamh, agus a bha iad a’ feitheamh ri cothrom, ann an aon là, chinn dithis dhiubhsan bha ’san fhoill gu tinn. Chaochail fear dhiubh, agus be an aon neach a chaochail am feadh a bha mi air an luing. Chuir so stad air a ghnothuch, agus dh’fhosgail e dòigh air fhaotainn a mach, no dh’ fheudadh a chùis a bhi gu h-olc. Bha traillean air an luing, mar an ceudna, gu minic a’ dealbh aimhleis, agus bha iad air uairibh direach air bruaich an uilc, ach fhuaireas a mach iad an còmhnuidh mu’n robh e ro-an-mach. An uair a shaoil mi mi féin gle thearuinte bha mi gu h-obann air mo chur gu h-eagal o chunnart; agus an uair a thug mi ionann is céill do m’ bheatha, thàinig saorsa ceart co h-obann do m’ ionnsuidh. Dh’fhuirich mi fad’ air criochaibh Africa, bha cheannachd gle neo-chinnteach; agus a’ feitheamh air mo ghnothuch, araon air muir agus air tir, bha mi am basaibh gu minic. Gabh so a leanas mar eisiomplair air cach. Bha mi ann an aite do’n ainm Muna, dlùth do Chape Mount far an d’rinn mi moran ghnothaichean a chur gu taobh, agus far an robh agam, ’san àm mu’m bheil mi a’ labhairt, ri beagan fhìachan, agus chunntais a chur ceart, air son am b’ éigin dhomh dol air tir; agus bha rùn orm dol ann, an ath mhadainn. An uair a dh’ éirich mi, dh’ fhàg mi an long mar a rùnaich mi, ach air dhomh teachd dluth do thir, [TD 120] bha’n tonn a’ ruith co-ard is gu’n robh ionann is eagal orm feuchainn re dol air tir. Gu deimhin d’fheuch mi gu minic aig àm ni bu mheasa ach dh’ fhairich mi stad, agus cuir-na aghaidh o’n leth a stigh, air son nach b’urradh mi aobhar a thoirt. Dh’ ullaich an tonn leith sgeul gu bhi toirt àite do’n agadh-sa, agus an deigh feitheamh agus teagamh mu’n cuairt do leth uair, phill mi dh’ ionnsuidh na luinge, gun mo ghnothach a dheanamh, ni tha mi an dùil nach d’rinn mi riamh, ach air a mhadainn sin, am fad ’s a bha mi ris a cheannachd sin. Ach chunnadh mi gu h-aithghearr ciod a b’aobhar dha so uile. Tha e coslach, an là mu’n a rùnaich mise dhol air tir, gu’n deachaidh sgeul maslach gun bhonn air bith aice a thogail orm (cha b’urradh mi riamh fhaotainn a mach co leis), a bhagair gu mor mo chliu agus mo mhaoin araon ’an Africa agus ’an Sasghunn, agus theagamh, gu labhairt a réir gnàth dhaoine a dh’ fheudadh mo bheatha chur an cunnart nan rachainn air tir a réir mo rùin. Theagamh gu’n cuir mi litir a’d t-ionnsuidh a bheir cunntas iomlan dhuit air a ghnothuch iongantach sa; agus uime sin cha’n abair na tuille ’an so mu thimchioll, ach innseadh dhuit, gu’n deachaidh an ionnsuidh a chaidh a thoirt gu mo bheatha na mo chliu a mhilleadh, agus a d’fheudadh, a réir coslais, anns na leanadh, mo thurus a mhilleadh, thairis gun an cron bu lugha dheanamh orm. Bha ceud pund Sasghunnach dh’ fheich agam air an neach bu chomharaichte sa chùis so, chuir e an t-airgiod do m’ ionnsuidh [TD 121] ann am feirg, agus gun so theagamh nach fhaighinn idir e. Cha chuala mi tuille mu’n chùis gus an ath-thurus, agus ’an sin dh’ aidicheadh gu follaiseach gu’m bu sgainnil mi-rùnach e, gun am bonn bu lugha aige. B’iad an leithide so, na caochlaidh agus na deuchainnean troimh an d’thug an Tighearna gu tearuinte mi. An tràs agus a rìs, bha araon creidimh agus foighidin air am feuchainn gu geur; ach bha neart d’a reir air a thoirt, agus do bhrigh nach do thachair na nithe se gach uile là, bha ionnsachadh na Laidin, mu’n dthug mi cunntas farsuing ’san litir mu dheireadh, air toiseachadh as ur, agus air a leantuinn o àm gu h-àm an uair a cheadaichadh gnothach eile e. Bha mi, mur bu trice, gle-riaghailteach ann a bhi deanamh feum do m’ ùine. Chuir mi air leth, timchoill ochd uairean air son codail, agus bidh, ochd uairean air son spaisdeireachd agus cràbhaidh, agus ochd uairean aig mo leabhraichibh. Agus mar so, le bhi ’g atharracadh m’ oibre, bha’n là gu h-iomlan air a chur gu feum taitneach, agus b’ainmic a’ dh’ fhairich mi là ro fhada, no bha uair agam r’a sheachnadh. Chum m’ ionnsachadh an obair mi, agus mar so bha chùis ceart; ach mur be so, bu ghann a b’fhiu e an ùine a chaith mi ris; do bhrigh gu’n threoraich na leabhraichean ionnsachaidh mi gu bhi a’ cur mòr mheas air riaghailtibh agus eisiomplairibh mearachdach: ni tha mi a saoilsinn is eigin tachairt o bhi ag cur mòr mheas air ughdaraibh Laidin. An dol a mach do’n dh’ ionn- [TD 122] suich mi do’n chainnt tha mi a saoilsinn, gu’m biodh e co-fheumail dhomh, Cassandra no Cleopatra a leughadh ri Libhi, a tha mi a meas a cheart cho-faoin, ged nach ann air an aon dòigh. O chriochaibh Africa chaidh mi gu St Christopher, agus an so rinn mo chridhe iodhal aodhraidh féin mo phianadh. Bha na litrichean ris an robh dùil agam o Mrs N—— le mearachd, air an cur gu Antigua, an caladh a dh’ ionnsuidh an robh rùn oirnn a dhol. Do bhrigh gu ’n robh mi dearbhta mu curam-sa gu sgriobhadh, nam bu bheo i, cho-dhùin mi gu’n robh i marbh. Bhuin an t-eagal-sa rium ni bu mhò is ni bu mhò. Chaill mi mo chàile agus m’ fhois: agus ann an tri seachduinibh bha mi ionann a’s geilleadh fuidh chudthrom na buille bharailich-se. D’fhairich mi fior choslas an ardain agus a chuthaich sin ris an abrear gu cumanta, cridhe briste; agus gu cinnt, tha iongantas orm, nach ’eil an cor-sa ni ’s trice na tha e coslach r’a bhith. Cia tric ’s a ta na sligean-creadha gabhail a dhanadas orra féin a bhi stri ri ’m fear-deilbh? Agus ciod e an t-iongantas do throcair nach ’eil iad uile air am briseadh! Ach cha be ’m bròn fàth mo ghearain uile, bha cuid aig a choguis ann. Shaoil mi gu’n d’thug mo neo-dhilseachd do Dhia uam i, gu h-àraidh mo mhoineas ann an labhairt rithe mu nithibh spioradail; ni bu ghann a b’urradh mi a dheanamh eadhon rithe sa. Be’n smuain-so gu’n chaill mi cothroman luachmhor, agus nach gabhadh toirt air an ais, agus chean- [TD 123] gail araon dleasnas, agus gràdh mi gu feum a dheanamh dhiubh, a lot mi gu sonruichte; agus shaoil mi gu’n dthugainn an saoghal a chionn gu’m biodh fios agam gu’n robh i beo, a chum, air a chuid bu lugha, gu coilionainn mo dhleasnas le sgriobhadh, ged nach fhaicinn tuille i. Bu shearbh an teagasg so, ach tha dùil agam gu’n d’rinn e maith dhomh; agus an déigh fulang mar so beagan sheachduinean, smuainich mi air long bheag a chur gu Antigua. Rinn mi so, agus thug i moran litrichean do m’ ionnsuidh a dh’ aisig araon mo shlaint agus mo shith, agus thug dhomh dearbhadh laidir air maitheas an Tighearna dhomh sa, agus air m’ eas-creidimh sa, agus mo neo-thaingealach dhasan. Air a cheud mhios an fhoghara 1753 phill mi gu L——. Cha robh mi ach sè seachduinean aig a bhaile air an turus so; cha do thachair ni sonruicht air bith ’san ùine sin; uime sin toisichidh mi m’ ath litir le cunntas a thoirt air mo threas turus agus mo thurus deireannach. Agus mar so, tha mi a’ toirt earbsa dhuitsa agus dhomh fēin gu’n criochnaichear gu h-aithghearr an sgeulsa tha air cinntinn fadalach, agus mion, eadhon dhomh féin; ach tha mi a’ gabhail misnich o na smuain so gu’m bheil mi a’ sgriobhadh air t-iarrtus-sa, agus uime sin gu’m bheil cothrom agam air mi féin a dheanamh aithnichte mar do shearbhanta, &c. Jan. 31. 1763. [TD 124] LITIR XIII. BHA mo threas turus ni bu ghiorra ’s ni b’fhusa na h-aon do’n dhà roimh. Mu’n sheol mi thachair mi ri oganach bha roimh so na oifigeach agus na chompanach dileas agam an uair bha mi air bord na Haruich. An uair fhuair mise eolas air an toiseach bha e na oganach stuama, ach shoirbhich leamsa thar a chòir ann a’m’ ionnsuidhibh gu thoirt a chum barailean truaillidh. An uair a choinnich sinn an L—— bha’n ar n’ eolas air ath-nuadhachadh, leis a chairdeas a bha roimh eadar ruinn. Bha e gle thuigseach agus leugh e moran leabhraichean. Thiondaidh ar cainnt gu tric air diadhachd, agus bha iarrtus agam a bhi leigheis an uilc a rinn mi. Thug mi làn chunntas da air dòigh agus aobhar m’ ath-arrachaidh, agus chleachd mi gach uile argumaid ’ga earaileachadh gu a bharailean mi-dhiadhaidh a leigeil deth. Agus an uair a chuir mi, air àmaibh, na chabhaig e, air chor is nach b’urradh e freagairt eile thoirt dhomh; chuireadh e ’an cuimhne mi, gur mi fein an ceud neach a thug beachd dhasan air a shaorsa. Thog so iomad smuain mhuladach ’am inntinn. Bha e fein ’san àmsa dol na cheannard do Ghuinea, ach mu’n robh an long ullamh, bhris a cheannuiche, agus chur so a thurus air aimhreidh. Do bhrigh nach robh tuille earbsa aig air a [TD 125] bhliadhna sin, thairg mi dha dol maille rium mar chompanach a chum gu’m faigheadh e eolas air na criochaibh, agus gheall an duine uasal aig an robh mise deanamh air a shon air chionn da pilleadh. Cha be feum air bith a b’urradh mi dheanamh dha na gnothachaibh a thug orm a thoirt leam, ach a chum gu’m biodh cothrom agam, air mo shocair, a chùis a riasun-achadh ris; agus bha dùil agam gu’m feudadh e bhith, air an turus, gu’n deanadh m’ argumaidean m’ eis-iomplair, m’ urnuighean beagan feuma dha, ach b’fhearr mo run na mo ghliocas ’sa cheumsa, agus fhuair mi aobhar gu tric air aithreachas a ghabhail. Bha e ro mhi-naomh, agus chinn e ni bu mheasa ’s ni bu mheasa: chunnadh mi annsan beo-dhealbh dhiom fein aon uair, ach bha e gle dhraghail e bhi an comhnuidh a’m’ amharc. Thuille air a so, cha be ’mhàin gu’n robh e bodhar do m’ achasanaibh, ach dh’fheuch e re cur an aghaidh mo smachd thar muinntir eile. Bha inntinn agus aigne mar an ceudna gle arda, air chor is gu’n robh feum agam air m’ uile ghliocas agus ughdarras gu chumail fo smachd air bith. Bha e na bhior geur ’nam thaobh re tamuill, ach fadheoidh fhuair mi cothrom air long bheag a cheannach air crioch Africa, a lion mi le luchd o m’ long fein agus a thug mi dhasan, agus chuir mi e cheannach air son na luinge. An uair a dhealuich sinn, dh’ath-nuadhaich mi, le dian thogradh m’ earail dhùrachdach dha. Tha mi creidsinn gu’n robh a chairdeas agus a mheas ormsa cho mor ’s a [TD 126] d’fheudht earbsa far an robh barailean co direach an aghaidh a cheile. Bha coslach taiseachadh mòr air an uair a d’fhag e mi; ach cha do dhrùigh mo chainnt air; an uair a fhuair e e fein aig saorsa, thug e srian fhuasgailte do gach miann. Thilg a chaithe beatha mi-riaghailteach, maille ri teas na tire, ann an droch fhiabhrus e, a thug am bàs air ’am beagan laithibh. Chaochail e fo dhearbhadh, ach cha robh e air atharrachadh. Bha’n cunntas a fhuair mi uapa san, a bha maille ris, uamhasach. Chuir a bhuaireas agus an-earbsa uamhann orra uile, agus thug e mach a bhinn fein mu’n deachaidh an anail as, gun coslas air bith air, aon chuid, gu’n d’iarr no gu’n d’fhuair e trocair. Shaoil leam nach biodh e mi-iomchuidh an sgeul uamhasachsa thoirt dhuit mar chomhara ni bu treise air maitheas eadar-dhealachaidh Dhé dhomhsa ceann feadhna nam peacach. Ann an ceithir miosan d’fhag me criochan Africa, agus sheol mi gu St Christopher; gus a so mheal mi deagh shlainte anns gach tir fad’ iomadh bliadhna, ach air an turus so bha mi air m’ fhiosrachadh le teasaich a thug dhomh beachd faigse do’n t-siorruidheachd; tha mi air faotainn a chead tri no ceithir a litrichean a chur a’d t-ionnsuidh a dhfheuchas dhuit ni ’s soilleire staid agus tomhas m’ fhaireachduin ’san àmsa. Chi thu gu’n robh a h-aon dhiubh air a sgriobhadh aig an àmsa ’nuair bu ghann a b’urradh mi am peann a chumail, agus a bha aobhar agam a chreidsinn nach sgriobhainn [TD 127] tuille. Cha robh an làn dearbhachd sin agam a ta co feumail an uair tha cridhe agus feoil a fàillneachadh; ach bha m’earbsa ni bu mho na ’m eagal, agus dh’fhairich mi sith shàmhach inntinn a neartuich mi gu feitheamh ris a chrìch gun mhoran iomaguin. Bha m’earbsa, ge do bha i anmhunn ann an tomhas air a suidheachadh gu h-iomlan air fuil agus fireantachd Josa;—agus thug na briathra-sa. “Tha e comasach air tearnadh gus a chuid is faide” mor fhuasgladh dhomh. Bha iomaguin orm car tamaill, le smuain gle iongantach, co aca b’e buaireadh bhann, no bha mi thar mo bheachd leis an teasaich, cha ’n urradh mi innseadh. Ach cha robh uiread eagail orm o fheirg agus peanas ’s a bha orm gu’m bithinn air mo chall, no air sealltuinn thairis orm, am measg na miltean tha gun sgur a’ dol a stigh do’n t-saoghal neo-fhaicsinneach. Ciod m’ anam-sa, shaoil mi am measg a leithid a chuideachd do-aireamh do chreutoirean? Agus chuir so trioblaid mhòr orm—“theagamh nach gabh an Tighearna fiart dhiom”. Bha mi anns m trioblaidsa car ùine ach fadheoidh thainig earrann do’n scriobtuir gle fhreagarrach re’m’ chor gu m’ bheachd, agus chuir e crioch air m’ amharus. “Is aithne do’n Tighearna iadsan is leis fein.” Mu’n cuairt a dheich laithean, thar earbsa na muinntir bha mu’m’ thiomchioll, thoisich mi air dol am feabhas; agus air chionn duinn ruigheachd ’sna Hinnsibh-an-iar bha mi air m’aisig gu h-iomlan. Tha dùil [TD 128] agam gu’n robh am fiosrachadh-sa air a dheananmh feumail dhomh. Gus a so, is e sin, mu’n cuairt do sheà bliadhna, chunnaic an Tighearna iomchuidh mo threorachadh air sligh uaigneach; dh’ionnsuich mi beagan do olc mo chridhe. Leugh mi am Biobal thairis as thairis maille re iomadh leabhar maith eile, agus bha beachd coitchionn agam do fhirinn an t-soisgeil, ach bha mo bhreithneachadh air caochladh nithe dorcha, do bhrigh nach do thachair mi rè na h-ùine sa, ri aon fhear eolais a dheanadh comhnadh rium ann mo rannsachadh an déigh na firinn. Ach an uair a rainig mi St Christopher air an turus so, fhuair mi ceannard luinge o Lunainn a rinn mor chomhnadh rium le chomhradh. Bha e, agus tha e, na bhall do eaglais Mr B——r’s duine aig am bheil eolas ann an nithibh Dhé, agus a tha do gné bheothail, fhosgailte. Dh’aithnich sinn a chéile, o bhriathraibh air chor eigin a labhair sinn ann an cuideachd mheasgaichte, agus chinn sinn gu h-aithghearr (co fad sa cheadaicheadh ar gnothuch) neo-dhealuichte. Mu’n cuairt do mhios chaith sin gach uile fheasgar cuideachd air long gach fear, uair mu seach, agus d’fhan sinn gu tric cuideachd gu madainn. B’eisdeachd uile mi; agus an ni a b’fhearr, cha be ’mhàin, gu’n d’thug e fiosrachadh do m’ thuigse, ach bhlathaich a chainnt mo chridhe. Mhisnich e mi gu’m bheul fhosgladh ann an co-chomunn-urnuigh, d’fheuch e dhomh feum connaltraidh criosdail, chuir e mi air an rathad gu m’aideachadh a [TD 129] dheanamh ni b’fhollaisiche, agus gu cinntinn dana gu labhairt air son Dhé. Uaithsan, is e sin, o’n Tighearna troimh san mar mheadhon, fhuair mi tuille eolais, chinn mo bheachd ni bu shoilleire agus ni bu shoisgeiliche, agus bha mi air mo shaoradh o eagal a chur trioblaid orm re ùine fhada, be sin eagal gu’m pillin air m’ais gu an-diadhachd. Ach a nis thoisich mi air tuigsinn tearuinteachd co-cheangail nan gras, agus bhi ’g earbsa gu’m bithinn air mo ghleidheadh, cha b’ann le’m chumhachd, no le’m naomhachd fein, ach le cumhachd laidir, agus gealladh Dhé, trid creidimh anns an t-Slainuighear neo-chaochlaideach. Thug e dhomh mar an ceudna, beachd farsuing air staid na diadhachd, maille ri mearachdaibh, agus connsachaibh n’ ar la’, (nithe air an robh mi gu tur aineolach) agus fadheoidh dh’ innis e dhomh cait am fiosraichinn ’an Lunainn air son tuille eolais. Leis a bhuanachd sa air a h-ur fhaotainn dhealuich mi ris, agus bha cothrom agam air mo thurus dhachaidh a bhi cnàmhann air na fhuair mi; bha moran comhfhurtachd agus saorsa agam fad na seachd seachduinean sa, agus cha bu tric a thainig sgail air mo ghrein. Thainig mi gu tearuinte gu L—— air a cheud mhios an fhoghara 1754. Cha robh a rùn orm fuireach ach goirid aig a bhaile, air chionn toiseach ceud mhios a’ gheamhruidh, bha mi ullamh a rìs air son na mara; ach chunnaic an Tighearna iomchuidh riaghladh thar mo rùn-sa. Am feadh a bha mi air mo chleachdadh ri ceannachd nan traillean, cha robh [TD 130] an teagamh bu lugha-agam mu thimchioll e bhi ceadaichte; bha mi anns an iomlan rèidh ris mar an ni a shonruich an Tighearna a mach dhomh; gidheadh cha robh e idir taitneach, air chaochladh doighibh. Tha e gu cinnteach air a mheas na obair uasal, agus tha e mar is trice gle-bhuannachdail, ged nach robh e mar sin dhomhsa; air do’n Tighearn fhaicinn nach biodh mor shaibhreas maith air mo shon. Ach gidheadh bha mi ’g amharc orm fein mar sheorsa maor, no fear-gleidhidh priosuin, agus uamhas orm air uairibh ri ceird a bha’n comhnuidh cleachdta ri slaibhruidhibh, cloidheanaibh, agus ceangluichibh. Anns a’ bheachdsa, dh’iarr mi air an Tighearna gu minic am urnuighibh (ann a àm fein) gu mu toil leis mo chur ann an aite ni bu chaomhaile, agus (nam feudadh e bhith) gu’n cuireadh e mi far am biodh cothrom agam na bu trice air comunn a phobuill agus orduighean a mhealtuinn, agus gu’m bithinn air mo shaoradh o na dealachlaibh fad’ o’n bhaile, a bha ro thric searbh re’n giulan. Bha m’urnuighean a nis air am freagairt ged b’ann air dòigh ris nach robh dùil air bith agamsa. Thainig atharrachadh ùr eile nis air mo bheatha air son nach robh mi sealltuinn; bha mi gu seoladh an ceann dà là agus a reir gach uile choslas na m’ shlainte cho maith ’s bu ghnath leam, ach mu fheasgar, air dhomh bhi mo shuidh maille ri Mrs leinn fein ’g òl teà, agus a’ labhairt mu nithibh a chaidh seachad, thuit mi an tiota, ann an neul, a d’fhag mi gun fhaireachadh gun ghluasad, agus an dol a mach [TD 131] gu’n robh an anail annam, cha robh tuille a choslas a bhi beo orm: tha mi saoilsinn gu’m b’ann do’n bhalbh-thinneas bha e; mhair e mu’n cuairt do dhà uair, agus an déigh dhomh teachd uaith, d’fhag e goirteas agus eatromas ann mo cheann a lean le leithid a chomharaibh ’s a thug air na leighichibh a shaoilsinn nach biodh e tearuinte no glic dhomh dol air an turus. A reir so, le comhairle mo charaid d’am buinneadh an long, thug mi thairis a riaghladh an là m’un a sheol i, agus mar so bha mi air mo ghairm gu h-obann o’n t-seirbhis sin, agus air mo shaoradh o earrainn anns na nithibh a thachair air an turus sin, a chinn gle mhuladach. Chaochail an neach a chaidh a m’aitesa, agus a chuid bu mhò do na h-oifigich agus do na sgioba, agus b’ann air eigin a bha’n long air a toirt dhachaidh. Bha mi nis gun ni air bith agam r’a dheanamh. D’fhàg mi L—— agus chaith mi a mhor chuid do’n ath-bhliadhna ’an Lunainn agus an Cent. Ach thoisich mi air deuchainnibh ura. Feudaidh tu thuigsinn nach robh Mrs a sealltuinn gu’n churam oirre, ’nuair bha mise mo shineadh, agus mar shaoil ise, a’ basachadh air an urlar. Anns na lean; am buille a bhuail mise, rainig i ise aig an àm cheudna; cha d’fhairich i air ball i gus an robh a h-eagal air a lughdachadh, ach mar chaidh mise am feabhas, chaidh ise am measaid; thug an t-eagal euslaint oirre, nach b’urrainn leighichean innseadh ciod a b’ainm dh’i, agus nach b’urrainn ioc-shlaint a leigheas. Gun a h-aon air bith do chomharan gnathaicht’ an tinneis chaithidh, chaidh i as gu soilleir gus na chinn i co anmhuin [TD 132] is gur gann a b’urrainn dhi fhulang do neach dol tarsuing an t-seomair ’san robh i. Bha mi air mo chur, re aon miosa deug anns a chor ris am bheil Dr Young a’ radh: “Ionad uamhsach na h-àire Cinntinn gach uile uair ni ’s duiriche.” Is ann an deigh dhomh bhi air mo shuidheachadh ’san aite am bheil mi nis a thoilich e an Tighearna, a h-aisig le làimh fein, an uair bha gach meadhon gnathaicht-air an toirt thairis. Ach roimh dha so tachairt tha beagan do nithe eile agam r’a innseadh, a ni suas an ath-litir, agus tha dùil agam an litir mu dheireadh air a sgeulsa. Feb. 1. 1763. LITIR XIV. LEIS an t-seoladh a thug mo charaid aig St Citts dhomh fhuair mi mach gu h-aithghearr luchd eolais do mhuinntir dhiadhuidh ’an Lunainn. Chaidh mi air tùs a dh’ionnsuidh Mr B——— agus fhritheal, mi; mur bu trice, air a’ mhinisteireachd, an uair bha mi ’sa bhaile. “Fhuair mi moran comhnaidh uaithsan araon uaigneach agus [TD 133] follaiseach, oir ghabh e rium mar charaid o thùs. Tha chaoimhneas-sa, agus an cairdeas eadar ruinn air mairsinn, agus aig dol am meud gus an là an diugh; agus do m’ uile chairdean lion mhor, is ann na chomainn-sa ’s mo tha mi. Be Mr H——d nach maireann an ath neach air na chuir mi eolas, duine do dheagh-spiorad, agus làn eud air son seirbhis an Tighearna; mheal mi a chomunnsa gus an robh o faigse air a chrìch. Goirid an deigh do Mr W——d pilltinn o America thug mo dheagh-chairdean g’a chuideachsa mi, agus ged nach robh moran eolais agam air gu pearsonta gus an déigh so, bha shearmonachadh gle fheumail dhomh. Bha cothrom agam mar an ceudna bhi cruinneachadh maille ri beagan chomunnaibh diadhuigh, agus fhuair mi eolas air moran chriosduidhibh maiseach ann an uaigneas. Mar so ’nuair bha mi an Lunainn bha mi aig an tobar-chinn, mar gu be, do thaobh sochairean spioradail. An uair bha mi ann an Cent, cha robh a chuis mar so; gidheadh an sin fhuair mi cuid air an robh eagal an Tighearn. Ach thug an duthaich bhreagh choillteach sin sochairean do ghne eile dhomh. Chaith mi a mhor chuid do m’ uine, gu h-àraidh beagan uairean gach uile là, ann an uaigneas, an uair a bhiodh e tioram, air uairibh anns na coilltibh dlùth, air uairibh eile air mullach nam beann a b’airde, far an robh caochladh r’a fhaicinn ionann is anns gach ceum a dheanainn. Is cleachda leam o chionn bhliadhnachan m’ urnuighean a chur suas a muigh, an uair tha cothrom agam; agus tha [TD 134] mi ghnàth a faicinn gu’m bheil buaidh aig sealladh do’n duthaich orm, gu’m inntinn ùrachadh agus a stoladh. Ni sealladh maiseach air chaochladh dath mo chridhe subhach. An uair tha mi dol a leth taobh o thoirm agus oibribh beaga dhaoine, tha mi ’gam shaoilsinn fein ’san teampull mhor a thog an Tighearna air son onoir ainme fein. Bha’n duthaich eadar Rochester agus Maidstone, làimh re Medbhai, ro fhreagarrach do shuidheachadh m’inntinn; agus nam bithinn gu dol troimpe nis, b’urrainn mi iomadh aite chomharrachadh a mach far an cuimhne leam aon chuid, an Tighearn iarruidh gu dichiollach, n’a lathair fhabharach fhaotainn maille re m’ anam. Agus mar so chaith mi m’ùine, air uairibh an Lunainn, agus air uairibh air an duthaich gus an fhogharadh an ath-bhliadhna. Re na h-aimsir so uile, bha dà dheuchainn air m’inntinn, ann am beag no mor; be cheud deuchainn, agus an deuchainn bu mhò tinneas Mrs N. Bha i sior dhol am measad, agus gach là bha na bu mhò do aobhar eagail agam, gu’n robh uair an dealachaidh a tarruing am fagus. An uair a bha creidimh ann an cleachda, bha mi an comhnuidh, ann an tomhas, rèidh ri toil an Tighearn; ach gu tric dh’eirich mo chridhe suas, agus fhuair mi e, na ni cruaidh aon chuid earbsa, no geilleadh. Bha cuid a churam orm mar an ceudna ciod a dh’eireadh dhomh an déigh so. Bha tuilleadh ’s a chòir re ceannachd Africa, air a bhliadhna sin, agus cha robh mo chairdean, air son soitheach eile uidheamachadh gus am pilleadh mo long [TD 135] fein. Bha mi air uairibh ’an amharus, ach gu cinnte cha robh ullachadh bidh agus eudaich tric na aobhar moran iomaguin dhomh. B’fhusa leam earbsa ris an Tighearna ’san ni so no ’san ni ud eile; agus do reir, bha so air a fhreagairt air tùs. Air a cheud mhios do’n fhoghara fhuair mi fios gu’n robh mi air faotainn dreuchd.—Tha na h-aitean so gu tric air am faotainn le neart dichill, ach thainig so ormsa gun iarruidh gun dùil. Bha fios agam gu’n d’fheuch mo dheadh charaid ann an L—— re aite eile fhaotainn air mo shon, ach fhuair e glachte roimh e. Chunnadh mi, an deigh sin, gu’m biodh an t-ait a chaill mi, gle neo-fhreagarrach air mo shon, agus gu’m be so, air nach do smuainich mise, an dearbh aite bu mhiann leam fhaotainn, do bhrigh gu’n robh moran ùine agam re sheachnadh, agus gu’m feudainn a bhi beo mar chithinn iomchuidh. Bha caochladh nithe do nach d’thug muinntir eile an àire co-aontachadh gu feuchainn dhomhsa, gu ’n robh lamh an Tighearn ag oibreachadh anns a chuis so, cho comharaichte ’s a bha i ann an tionndaidh air bith eile do mo bheatha. Ach an uair a bhuannaich mi an gnothuch so, bha m’ eigin anns a ghnothuch eile, a dhà uiread. B’ eigin dhomh Mrs N. fhàgail, ann an cràdh agus tinneas ro mhòr, an uair nach b’urrain na leighichean tuilleadh a dheanamh, agus cha robh bonn earbsa agam gu’m faicinn a rìs beo i, ach so; nach ’eil ni air bith do dheanta do’n Tighearna. Bha cath cruaidh agam, ach bhuadhaich creidimh; fhuair mi an gealla gu h-iongantach [TD 136] air a choimhlionadh “a reir do là bidh do neart.” An la mu’n d’fhalbh mi, agus cha b’ann gu sin bha’n eallach air a togail gu tur do m’inntinn; bha mi air mo neartachadh gu ise, agus mi fein a thoirt thairis do thoil an Tighearna, agus d’fhalbh mi uaipe le inntinn stolda. Goirid an deigh dhomh falbh thoisich i air dol am feabhas, agus thainig i air a h-aghaidh co-aithghearr is gu’n robh a thoil inntinn agam a coinneachadh, an dol a stigh do dhà mhios, aig Stone, air a turus gu L———. Agus a nis tha dùil agam gu’n fhreagair mi t-iarrtus, mur d’rinn mi tuilleadh ’s a fhreagairt. O mhios deireannach an fhoghara 1755 tha sinn a chomhnuìdh gu socrach ’san aite-sa, agus tha m’uile ghnothaichan a nis co-iongantach le bhi rèidh agus riaghailteach, ’s a bha iad roimh so, le iad a bhi caochlaideach. Tha mo dheuchainnean eatrom agus tearc: cha ’n e nach ’eil mi faotainn gach latha feum air beatha a chreidimh. Is e corp peacaidh agus bais an deuchainn ’s mo a ta agam, agus tha toirt orm a bhi gu tric ’g osnaich gearan an abstoil. “Och an duine truagh mi.” Ach maille risan mar an ceudna, is urrainn mi radh. “Bheiream buidheachas do Dhia trid Josa Criosd mo Thighearna.” Tha mi beo ann an tir fhàsail, far am bheil eolas agus cumhachd an t-soisgeil gle iosal; gidheadh ’an so tha beagan d’a phobull an Tighearna, agus tha ’n fhàsach so na sgoil fheumail dhomhsa far an d’fhoghlum mi air mo shocair na firinnean a thionail mi ’an Lunainn. Thug mi nuas leam cuibhrionn mhaith do’n fhirinn ann [TD 137] mo cheann, ach fhuair mi mach o sin nach ’eil fear-teagaisg cumhachdach ann ach Dia. Nach urrainn sinn a ghabhail ach mar thogras esan a thoirt; agus nach ’eil eolas air bith a rireadh feumail dhomhsa, ach an t-eolas is leam fein o m’ fhaireachdan. Cha sheasadh moran do na nithibh a shaoil leam a d’fhoghlum mi, ann an uair a bhuairidh, gus an d’fhoghlum mi iad a rìs air an dòigh sa. O bhliadhna 1757 tha mo luchd eolais a’ dol am meud anns an taobh-an-iar do shiorromachd York far am bheil an soisgeul a soirbhachadh gu mor. Bha so na sgoil mhaith dhomh; labhair mi gu saor ris gach seorsa, gun mi fein a cheangal ri h-aon air bith; agus ann am ionnsuidhean air stiuradh eatorra, thainig mi air uairibh ro-fhaigse air aon taobh; ach chuidich an Tighearna mi gu buannachd fhaotainn o m’ mhearachdaibh. Ann an aon fhocal tha mi fathast a foghlum, agus tha’n Tighearn fathast toileach air mo theagasg. Tha mi toiseachadh fadheoidh, a thoirt fainear nach d’rainig mi, ach air ro bheag: ach tha mi ’g earbsa annsan gu’n giulan e air aghaidh oibre fein ann a m’ anam, agus le uile mheadhonaibh a ghràis agus a fhreasdail gu meudaich e m’ eolas air fein; agus orm fein. Aig dhomh teaghlach a chur suas, agus fhaotainn a mach gu’n ceadaicheadh mo ghnothach dhomh moran uine sheachnadh, smuainich mi ciod an dòigh anns an cuirinn gu feum i. Agus a nis air dhomh aobhar a bhi agam air co-dhunadh le run an abstoil “gun eolas a ghabhail air [TD 138] ni ’sam bith ach air Josa Criosd, agus esan air a cheusadh” choisrig mi mo bheatha gu eolas spioradail fhaotainn airsan; agus rùnaich mi gu’n ni ’sam bith ’eile leanmhuin ach an ni a chuireadh air aghaidh am beachdsa. Mur a thug mi fainear a cheana, chuir an runsa dealachadh eadar mi agus an Laidin, ’sna Matematics. Be cheud ionnsuidh a thug mi uiread do’n Ghreugais ionnsuchadh a’s gu’m b’urradh mi an Tiomnadh Nuadh agus an Sean Tiomnadh a thuigsinn ’sa chainnt sin. Agus an uair a thainig mi beagan air m’aghaidh air an dòighsa, thoisich mi ris an Eabhra an ath-bhliadhna; agus dà bhliadhna an deigh sin, air dhomh a shaoilsinn gu ’m faighinn feum o’n t-siriac, thoisich mi ris a chanain sin. Cha’n fheud dùil a bhi agad gu’n d’rainig mi no gu’n sheall mi air son ruigheachd air làn eolais orra so. Cha robh gnothuch agam riu, ach le sùil ri ni eigin eile. Cha do leugh mi riamh aon do leabhraichean sgoile na Greugais. Shaoil mi gu’n robh e ro an-moch gu bhi gabhail a leithid a chuairt innte-sa, ’s a rinn mi ’san Laidin. Cha robh uam ach seadh fhocal agus bhriathran, agus air son so shaoil mi gu’m feudainn feum a dheanamh de scapula, an Sinopsis agus ughdaraibh eile a chaidh troimh an obair romham. Is urrainn mi na leabhraichean eachdraidh, agus na sailm a leughadh ’san Eabhra gu furas; ach air feadh na faidhean agus aitean duilich eile, is eigin dhomh dol a dh’ionnsuidh mo Leabhar-fhocal. Ach co dhiu is aithne dhomh uiread [TD 139] is gu’m bheil mi comasach le leithid a chomhnadh ’s a tha faigse air làimh, barail a thoirt, air mo shon fein air brigh earrann ’sam bith a ta agam r’a sealltuinn air. Thar a so, cha’n’eil air m’ aire dhol, ma gheibh mi obair ni’s fearr; oir b’fhearr leam a bhi feumail air dhòigh ’sam bith na’n saoghal fhàgail fuidh ainm duine foghluimte. Maille re foghlum nan cainntean, chuir mi romham leughadh nan ughdaran ’s fearr air an diadhachd a thainig gu’m làimh, ’san Laidin agus ’sa Bheurla, agus cuid am Fraingais; oir dh’ionnsuich mi an Fhraingais am feadh a bha mi ’g iomairt na mara. Ach o chionn dhà no tri a bhliadhnachan, chleachd mi mi fein anns a mhor chuid re sgriobhadh, agus cha d’fhuair mi cothrom air a bheag a leabhraichean a leughadh ach an scriobtuir. Tha mi beagan ni’s mion anns a chunntas so, do bhrigh gu’m bheil mo chor, ann an cuid eigin iongantach; oir anns gach uile ionnsuidh a thug mi air foghlum, b’eigin dhomh rathad ur a dheanamh dhomh fein, leis an t-solus a fhuair mi o leabhraichibh, do bhrigh nach robh fear teagaisg agam o bha mi deich bliadhna dh’aois. Aon fhocal eile mu thimchioll mo bheachd gu bhi na m’ mhinisteir, agus an sin bithidh mi deis. Dh’innis mi dhuit gu’m be so earbsa mo mhathar ghradhaich mu’m thimchioll; ach chuir a bàs-sa, agus mo chaithe beatha-sa an déigh sin, ionann a’s crioch air gach uile choslas dheth so. B’ann o bheachd-smuaineachaidh air Gal. [TD 140] i. 23. 24. o chionn moran bhliadhnachan a dh’eirich na ceud iarrtuis do’n t-seorsa nam inntinn fein. Cha b’urradh mi gu’n iarrtus a bhi agam air a leithid a chothrom gu fianuis a thoirt do shaibhreas gràis Dhé. Shaoil leam gu’n robh mi os cionn a mhor chuid do na bha beo, na mo neach iomchuidh gu bhi a’ gairm gu’n d’thainig Josa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach, agus ceann-cinneadh nam peacach; agus do bhrigh gu’n robh mo bheatha làn chaochlan comharaichte, agus gu’n robh mi coslach ri bhi air mo chur air leth gu fheuchainn ciod a b’urrainn an Tighearn a dheanamh, bha beagan earbsa agam, theagamh, luath no mall gu’m feudadh e mo ghairm gu sheirbhis. Tha mi saoilsinn gu’m be gne earbsa fad as de so a thug orm na scriobtuirean fhoghlum anns a cheud chanain: ach d’fhan e na iarrtus neo-iomlan, ann am uchd fein gus an robh e air earralachadh orm le cairdibh criosdail. Chrith mi leis an smuain an uair a bha e air tùs air iomradh rium a rireadh, ach an deigh sin chuir mi seachad beagan sheachduinean gu smuaineachadh air a chuis, gu mo chomhairle a chur ri m’ chairdibh, agus seoladh an Tighearn iarruidh; threoraich barail mo chairdean, agus iomadh ni eil’ a thachair, mi gu toiseachadh. Runaich mi air tus dol a stigh gu cuideachd na ministeirean sin nach buineadh do’n eaglais Shasghunnaich o bheachd a bh’agam nach b’urrainn mi le treibhdhireas mo làmh a chur ri riaghailtibh na h-eaglais Shasghunnaich; ach air dhomh [TD 141] a bhi ann a comhradh ri Mr C—— mu na cuisibh sa, lughdaich e mo theagamh, agus air dhomh an eaglais Shasghunnach a roghnachadh air son aobharan eile, ghabh mi ainme uaith san beagan mhiosan an déigh sin, agus dh’iarr mi air Ard-Easboig Yorke nach maireann mo chur air leth air son na ministeireachd. Cha ruig mi leis innseadh dhuit gu’n dhiult e mi, no ciod na meadhonan a chleachd mi an déigh sin gu mo ghnothuch fhaotainn deanta ann an aite eile. Anns an àmsa tha mi air sgur a bhi toirt ionnsuidh ’sam bith. Cha’n’eil m’iarrtus gu seirbhis a dheanamh do’n Tighearn air a lughdachadh, ach cha’n’eil mi cho cabhagach, gu mi fein a chur air m’aghaidh ’sa bha mi roimh so. Is leor gur aithne dhasan, ciod a ni e rium, agus gu’m bheil e comasach, agus gu’n dean e an ni ’sfearr; risan tha mi ’gam earbsa fein. Tha dùil agam gu’m bheil a thoilsa agus mo leas-sa neo-sgarail, D’a ainme gu’n robh gloir gu siorruidh! Agus mar so tha mi nis a’ co-dhùnadh mo sgeoil. Agus tha mi am beachd gu’n abair thu, gu’m bheil mi mion n’is leor. Cha’n’eil aite agam air aon tuille ach a chur an céill a rìs gu’m bheil mi, &c. Feb. 2. 1763. [TD 142] AN SGEUL AIR A LEANTUINN GU AM A BHAIS. B’e bhi na fhear-sealltuinn thairis air tigh na cìse an Libherpool an t-ait’ a dh’ainmich Mr N—— a fhuair a dheadh-charaid (Mr Manesti) air a shon. Anns an dreuchdsa bha m’un cuairt a leth cheud pearsa aig fuidh, agus bha moran uine aig r’a sheachnadh a chuir e gu buill mhaith. Ge do bha e na dhuine ro chinnteach ann an cumail r’a fhocal agus r’a uair, chaidh maille a chur air, aon latha air chor as gu’n robh iongantas air sgioba a bhàta aig, ciod a chum e. Thainig e mu dheireadh, agus ghabh iad a mach, mar bu ghnàth leo, dh’ionnsuidh na luinge bha ’sa chala; ach mu’n d’ràinig iad i chaidh i na spealgan le fùdar. Bha e mar so air a thearnadh uair eile le dàil beagan mhionaidean. Dh’fhuirich e naoi bliadhna anns an dreuchd-sa aig Libherpool. Smuainich e air dol maille ris na ministeirean nach robh do’n eaglais shasghuunaich, ach chuir Mrs N—— moille air le a comhairle ghlic, agus ann am bliadhna 1764 fhuair Morar Dartmouth, duine diadhaigh, a d’fhabhar o Dr Green Easboig Lincoln gu’n d’thug e comas searmonachaidh dha, agus chuir am Morar diadhaigh ceudna air ball a stigh e ann an sgìreachd Olnei Bucs. Cha robh a theachd astigh an so ach L. 60 ’sa bhliadhna. Ach thug Mr Thornton diadhaigh dà cheud pund sasghunnach ’sa bhliadhna, a thuille air so, dha; [TD 143] gu aoidheachd agus deirc a thoirt leis. Dh’fhuirich e sè bliadhna deug aig Olnei, agus anns an ùine-sa chuir e mach naoi leabhraichean, eadar shearmonan, litrichean, agus laoidhean. Rinneadh feumail e mar an ceudna gu Mr Scott, ministeir a bha ’m fagus air Olnei a thoirt gu eolas na firinn. Tha’n duine so fathast na reul dhealrach ’san eaglais. Sgriobh e o sin mìneachadh farsuing air a Bhiobul gu h-iomlan. Thug Mr Thornton, Mr Newton, gu sgireachdan St Mari Woolnoth agus St Mari Woolchurch an Lunainn ann am bliadhna 1779. Ann am meadhon Lunainn fhuair e e fein ann an ait’ ùr-Chualas e a labhairt gu tric mu chudthrom an aite sa. “Gu’m biodh (thoirt esan) aon do’n mhuinntir a’s ain-eolaiche ’s as truaighe, agus do ’na traillean ’s mo, air a spionadh o chor aonorach, na fhogarrach air criochaibh Africa, agus ma dheireadh air a shuidheachadh na mhinisteir sgireachd, a cheud uachdrain, a cheud bhaile air an t-saoghal; gu’n d’thugadh e an sin, cha ’n e ’mhàin fianuis air a leithid a ghras; ach gu’n seasadh e suas mar chomhara agus mar chuimhne air: gu’m biodh e comasach air a chur sios ’na sgeul, ’na shearmonachadh, agus ’na sgriobhadh do’n t-saoghal gu leir is ni so a’s urrainn mi a bheachdachadh le h-iongantas, ach cha’n urrainn mi gu bràth a làn mheas. Bha e ’an Lunainn mar athair am measg a chloinne a’ teagaisg mhinisteirean oga agus muinntir eile a thigeadh d’a ionnsuidh. Rinneadh feumail e do C. Buchanan araon an nithibh aimsireil agus spioradail. [TD 144] Fhuair e deuchainn le bàs E. Cunninghamnighean peathair Mrs N—— a chaochail ’na thigh 1785 an uair a bha i mu’n cuairt do 14 bliadhna a dh-aois. Am mios meadhonach a gheamhruidh 1790, thachair deuchainn ni bu chruaidhe air le bàs Mrs N——. Chaochail i leis a chnàmhan ’na brollach. Ghiùlain e am buille-sa gu tosdach agus gu foighidneach. B’e E. Catlett ban-charaid eile do Mrs Newton na d’fhàgadh aig a nis; agus lean ise air frithealadh dha mar nighinn d’a h-athair gus na phòs i beagan bhliadhnashan mu’n chaochail e. An deigh sin bha i mur bu trice timchioll air. Chaith e as, le cuid is cuid, gus fadheoidh an dfhàg a leirsinn agus a chlàisteachd e gu mor. Chuir e an céill a ris agus ris a dhearbh-bheachd air slaint’ anama, agus earbsa ’na Fhear-saoruidh. Air Diciadoin mu’n chaochail e dfheoraich Mrs G——— dheth; an robh inntinn socrach? Freagair e “Tha mi rèidh re toil an Tighearna.” Bha coslach air a bhi seadhail gus a mhionaid ma dheireadh; ach cha do labhair e ni comharaichte air bith an déigh na’m briathran-sa. Chaochail e air a cheud la thar an fhichead, agus chaidh adhlaiceadh ’na eaglais fein, air an aon là deug thar an fhichead, do mhios meadhonach a gheamhruidh 1807. Dfhàg e so sgriobt, air son a lichd-mhairbh. [TD 145] EOIN NEUTON, MINISTEIR, A bha aon uair na ana-creidmheach agus na andhiadhach, Na sheirbhiseach thraillean an Africa Bha e le trocair shaibhir ar Tighearn agus ar slanuighear JOSA CRIOSD. Air a ghleidheadh, air aiseag, air maitheanas fhaotainn. Agus air orduchadh gus a chreidimh a shearmonachadh, a shaoithrich e re ùine fhada a sgrios. Beul ri 16 bhliadhna aig Olnei am Bucs; agus (28) bliadhna anns an ealgais-sa. Air Feb. 1. 1750, phòs e Mari, nighean Deorsa Catlett o Chattam, an Cent. Thug e thairis i do’n Tighearn a thug dha i; air 15. Dec. 1790. CRIOCH. [TD 146] EACHDRAIDH BEATHA ELISA CUNINGHAM. Do bhrigh nach ’eil mi scriobhadh airson a mhòir shluaigh, ach gu h-àraidh a chum aidmheil fhollaisach air maitheas an Tighearna chur ’an làmhaibh mo chairdean gràdhach a dheonaich dhuinne gu caoimhneil an comhfhulangas agus an urnuighean o cheann ghoirid; cha’n’eil a rùn orm fior smuaintean mo chridhe a cheiltinn no mo leithsgeul a’ ghabhail airson an cur an cēill, scriobhaidh mi le siompluidheachd agus saorsa, mar a labhrainn ri neach ris am b’urrainn mi mi fein earbsa, agus a bhithinn cinnteach a ghiùlanadh le m’ uile anmhuinneachdaibh. Air a cheud mhios do’ n t-sàmhradh 1782, bha mo phiuthar chéile Cuningham an Duneidin a’ feitheamh air a h-inghinn bu shine ’san àm sin mu cheithear bliadhna deug a dh’ aois, agus i ro-shuarrach leis an tinneas-chaithe. Dh’adh- [TD 147] laic i cheana a h-aon mhac, an uair bha e dà bhliadhna dheug; agus am feadh bha uile churam agus chaomhalachd mathar air an tarruing a mach le dluth chaithe as a’ dara leinibh ghràdhaich, chaidh a deagh fhear pòsda caomh thoirt uaipe, gu h-obann. Bu mhor a deuchainnean, ach dh’ ullaich an Tighearn i air an son. Bu bhan-chreidmheach i. Bh’a creideamh laidir; a gràsan gniomhach, agus a giùlan cliuteach. Ghluais i maille ri Dia, agus chum esan suas i. Agus ge do bha i na ban-charaid chaomh aig an robh comh-fhulangas, bha gné shona sheasmhach aice, air chor ’s gun robh a cliu mar Chriosduidh, agus a giùlan oirre féin anns gach earrann d’a beatha air am feuchainn gu soilleir ann an àm a trioblaid. Phill e Anstruther na bantrach le leanabh tinn a chaith as gu mios mu dheireadh an fhoghara, agus a chaochail an sin. Ged bha moran do luchd dàimh luachmhor agus thaitneach aig mo phiuthar chéile an Alba, gidheadh air do’n cheangal bu daingeane bhi air fhuasgladh, dh’ aontaich i gu h-ealamh (air m’ iarrtus-sa) teachd gu comhnuidh a ghabhail maille ruinn. Cha b’e ’mhàin gu’m bu toigh leam i mar mo phiuthar, thuille air so bha sinn o cheann fhada ro eolach air a cheile. B’aithne dhomhsa a luachsa, agus bha mise measail aicese. Bha aon leanabh fathast aice, a h-Elisa ghradhach. Bha dilleachdean nighean brathar Mrs. N. againn a cheana a ghabh sinn mar nighinn dhuinn fein o cheann seachd bliadhna. Bha mo smuaintean luaineach deidheil a’ dol a mach [TD 148] roimh làimh an coinnimh a teachd, agus fhuair mi mòr thoilinntinn o’n t-shonas a bheireadh cuideachd a leithid a pheathar agus a bhan-charaid gu’r teaghlach. Do thaobh na cloinne mar an ceudna cha robh moran eadar-dhealachaidh ’nan aois, no nan airde. O’n chuala mi mu Elisa bha mi ullamh gu gràdhachadh mu’m faca mi i; ged thànig i an déigh sin gu m’ làmhaibh mar mheall òir gun chunntas, an ni ’nuair a sheallar air a gheibhear ni ’smo na bha dùil ris. Ann mo smuaintibh cheangail mi re cheile agus chuir mi cuideach a chlannse, bha dùil agam gu’m biodh ar cairdeas anns a phiuthair maireannach annta-sa. Shaoil mi gu’n robh mi g’am faicinn nan dà leth-aoin, dh’ aon chridhe, dh’ aon inntinn, ionann agus anns an aon eudach, do ghnàth cuideachd, agus a ghnàth maillo ruinn. B’ann mar so dhealbh mise,—ach cha b’ann mar so idir bha rùnsa an Tighearna, agus uime sin thainig mo rùnsa gu neo ni. Is math dhuinn, creutoirean bochd gearrsheallach, neo-chomasach mar a ta sinn a bhi faicinn roimh làimh ciod a thachaireadh nam faigheamid ar n-iarrtus féin, ma ’s aithne dhuinn e agus gu’m bheil sinn ag earbsa ris, tha e, ann an trocair a’ diultadh ar n-iartuis, agus a’ deanamh ni ’s fearr air ar son, na ’s urrainn sinn dheanamh air ar son féin. Cha’n’eil fhios agam ciod a chrioch gus an dthigeadh mo rùnsa, nan d’ fhuair mi e, ach is urrainn mi nis cliu agus urram thoirt dha air son a chriche ghrasmhoirse. Tha mi toirt cliu do ainm, gur urrainn mi gu toileach, geilleadh [TD 149] d’a ghuth, a deir, “Bi sàmhach agus biodh fhios agad gur mi Dia.” Cha ’n e ’mhàin gur urrainn mi striochdadh d’a ard uachdranachd; mar is cubhaidh do chreatoir agus de pheacach a dheanamh, ach tha mi gabhail iongantais r’a ghliocas agus r’a mhaitheas agus is urrainn mi ràdh o m’ chridhe. “Rinn e na h-uile nithe gu math.” Chuir mo phiuthar a gnothaichean an riaghailt roimh dh’ i falbh, agus cha robh ni tuille aice r’a dheanamh ach a cead a ghabhail d’a cairdibh do’n robh moran aice, cha b’ann a mhàin an Anstruther, ach an iomadh aite eile ’san duthaich. Air a cheud mhios do’n earrach 1783 fhuair mi litir uaipe, agus shaoil leam mun d’ fhosgail mi i, gu’n innseadh i dhomh gu’n robh i air an rathad gu Lunnainn. Ach b’e sgeul a fhuair mi, air dh’ i dhol turus goirid a’ ghabhail a cead do charaid, gu’n dh’ fhuair i fuachd mòr, a thug teasach agus casdaich oirre, maille re nithibh eile a dh’ ainmich ise cho sèimh ’sa dh’ fheudadh i, air eagal iomagain a chur oirnn: gidheadh thug an litir se uam, air ball, an dùil a bh’ agam gu’m faicinn i. Rinn na litrichean a fhuair sinn an dēigh sin a mach nach robh m’ eagal gun aobhar, chaidh a tinneas am meud, agus bha i gu h-aithghearr air a cumail ris an leaba. Bha Elisa ’san scoil am Mussleburgh. Gu so bha ise gu math ’na slainte; ach am feadh bha mathair ghràdhach a’ caitheamh as gu dluth, fhuair ise fuachd mòr, agus chnnnacas gu h-aithghearr gu’n robh a beatha [TD 150] sa mar an ceudna an cunnart. Aig an àmsa bha mhisneach agus an cruadal sin air son an robh mo phiuthar sonruichte ri ’m faicinn gu soilleir. Bha fios aice gu’n robh a crioch fein fagus air làimh; agus b’e h-iarrtus dùrachdach gu’m biodh Elisa maille ruinn beo no marbh dh’i. Chomhairlich na leighichean dh’i dhol gun dàil gu deas. Do réir so, agus a chum is nach biodh ùine air a call, agus air eagal gu ’m feudadh sealladh d’a mathair, agus i cosmhuil ris a bhàs, coire dheanamh do Elisa, agus dha ’n mhathair i féin, chuir i air falbh a h-aon leanabh gràdhach o Dhuneidin gu Lunnainn gun uiread ’sa cead a ghabhail dh’i. Thug i thairis a leanabh mar dhilib, d’ar curam agus gràdhne anns an litir bu deireannaich a scriobh i. Mar so air a moladh le àithne dhrùighteach a mathar laig, a bhan-charaid bu dilse a bh’ againn air talamh; agus leis a chòir sin air iochd a dh’ fheudadh a tinneas iarruidh gu dian o choigrich; fhuair sinn Elisa ghràdhach mar earbsa agus ionmhas air a chuigeamh là deug do mhios meadhonaich an earraich. Chaomhnadh mo phiuthar chēile gu chluinntinn gu’n d’ràinig Elisa gu tearuinte agus gu’n robh i làn toilichte le staid. Bha i nis saor o gach curam talmhaidh. Dh’ fhulaing i moran anns a chuid eile d’a tinneis, ach b’aithne dh’i co ann chreid i; bha sith aice os ceann tuigse, agus earbsa làn do ghlòir. Chaidh i a steach gu aoibhneas a Tighearna air an deicheamh là do cheud mios [TD 151] an t-samhraidh 1783, air a leantuinn le urram is bron nan uile d’am b’aithne i. Fhuair mi mach gu h-aithghearr gu’n chuir an Tighearn ionmhas a rìreadh do m’ ionnsuidh. Bha pearsa Elisa taitneach. Bha socair agus maise ’na giùlan gu léir, agus dreach oirre anns gach car a chuireadh i dh’i, gus na chrom tinneas fadalach agus laigse sios i. Bha i beothail ’na gné, geur agus innleachdach ’na h-inntinn, agus nan mealladh i slainte bu chosmuil gu’n dthugadh i bàrrachd anns gach ni ris an cuireadh i làmh agus a dh’ fheumadh seōltachd. Bha tuigse, gu h-àraidh a breitheanachadh, agus a beachd air an ni iomchuidh fad’ os ceann a h-aois. Bha ni eigin ’na gnùis a choisinn geanmath dh’i air a cheud sealladh. Fhuair i urram o iomadh neach ’an inbhe ard, ni, ged tha mise gu taingeil ag aideachadh gu’n robh e ann an cuid air mo sgàthsa, gidheadh tha mi creidsinn gu’n robh e ann am pairt air a son féin, oir bha ni eigin neo-ghnathaicte m’a timchioll. Ach b’iad na buaidhean sonruichte a rinn taitneach i (buaidhean nach b’aithne do mhuinntir air bith eile, ach dhuinne aig an robh i ’n ar teaghlach) suairceas a gné, agus cridhe air a chumadh air son gràidh, taingeileachd, agus cairdeis. Cha’n’eil fhios agam c’arson, mur ann o bhi cluinntinn sgeulachan brònach, an uair bha i ’san scoil, o chlann a chaill am parantan, mu thimchioll an atharrachaidh a bh’ ann doibh an uair thàinig iad fo làmhaibh chàirdein, agus o so gu’n shaoil i gu’m biodh cairdean [TD 152] uile do’n aon ghné; ach co dhiu, fhuair mi mach uaipe féin o sin, nach d’thàinig i d’ar n-ionnsuidh le mòr earbsa re laimhseachadh math fhaotainn uainn. Ach air do’n Tighearn, ann an trocair dh’ise agus dhuinne, ar cridheachan fhosgladh gu gabhail rithe, fhuair i mach gu’m ghann a b’urrainn a parantan buntainn rithe ni bu chaoimhneile; agus gu’m b’e ar gnothuch sonruichte agus ar tlachd o’n àm sin, cia mar a b’urrainn sinn a trioblaid nach gabhadh leigheas a dheanamh ni b’fhusa ghiùlan; fhuair sinn a mach mar an ceudna gur gann a b’urrainn siol ar caoimhneis a bhi air a chur an talamh ni b’fhearr coslas air son toraidh a thoirt uaith. Cha chuimhne leam gu’m faca mise no piuthar a mathar gruaim riamh ’na gnùis ré na h-ùine a bha i maille ruinn. Is cinnte nach fhaca; cha b’urrainn sinn cur ’na h-aghaidh gun aobhar; ach nam faiceamaid iomchuidh a riaghladh ann an cùis air bith, bhiodh sinn cinnteach nach cluineamaid tuille mu thimchioll an ni sin. Bha ise ni b’fhaicilliche na gu’m b’urrainn dhuinn an aire thoirt dh’i; agus theireadh i air uairibh, an uair nach robh sinn a’ faicinn an aobhar bu lugha air a shon, “Tha eagal orm gu’n fhreagair mi le frionas, gu cinnte cha robh e air m’ aire; ma rinn mi e tha mi ag iarruidh maitheanas oirbh; bhithinn ro mhi-thaingeil nam measainn toilinntinn air bith cosmhuil ri sibhse thoileachadh.” Cha b’iongantach ged ghràdhaicheamaid gu mòr a leithid a leanabh. Is iongantach dealbh cridhe an duine. Tha ’n [TD 153] Tighearn ag agairt dha fein, agus tha còir aig uile, gidheadh tha fathast aite ann air son gràidh do uile dhàimhean na beathasa, agus tha gràdh do dhàimhean comasach air fior thoilinntinn a thoirt, ach cumar ’na aite féin e. Tha ’n ceangal pòsaidh, an uair a ta beannachd Dhé leis na fhior aonadh cridheachan, agus cha’n’eil gràdh air bith eile am measg a chinnidh dhaoine co mòr ris. Buinidh an ath aite dha chloinn; agus co aca tha aon no dhà, no moran ann tha gràdh a pharanta gu leir mur gu’m b’ann air gach aon diu. Theagamh gu’n saoil mo chàirdean aig am bheil clann, nach urradh mise, aig nach robh duine cloinne riamh, ach labhairt le tuairmse mu ’n chùis so. Cha ghabh mi orm cur nan aghaidh. Ach an uair a chunnaic an Tighearn iomchuidh mo Bhetsei ghràdhach a chur air mo churam, shaoil leam gu’n d’fhuair mi aignean ùra, mur b’iad aignean paranta, gidheadh bu ni eigin ro chosmhuil riu iad. Agus bha mi fada do’n bheachd gu’n robh e do-dheanta dhomh leanabh eile ghràdhachadh mar ghràdhaich mi ise. Ach an uair thainig Elisa, fhuair i air ball co-roinn do m’ ghràdh, bha aite falamh agam dhoibh le cheile, gun choire dha h-aon diu. Ghràdhaich mi a h-aon diu gu ro mhor, agus cha robh mo ghràdh do’n aon eile ni bu lugha no bha e roimhe, seadh nam feudadh e bhith bha e no bu mho, ’nuair a chunnadh mi gu’n d’ aontaich i leam, gu’n ghabh i rithe, agus gu’n bhuin i ri ban-charaid le mor ghràdh, augs gu’n d’ amhairc i air [TD 154] caoimhneas air bith a chaidh thaisbeanadh dh’i, mar ni a rinneadh ais son a h-euslainte, agus nach b’ann air son lethbhreith air bith a rinneeadh oirre fein. Chunnaic an Tighearn iomchuidh freagairt ghràsmhor a thoirt do m’ urnuighibh mu’n chùis so, air dhòigh is nach fhaca mi ni air bith air teachd eatorra o thoiseach gu deireadh. Fhuaireas buaidh air an teasaich, a chasdaich, agus na fallusaibh a thug Elisa leatha o Alba air an ath shamhradh; agus cha robh aobhar eagail oirnn gu’n rachaidh a toirt uainn ’an cabhaig. Ach fathast bha cnuimh a’ cnàmh aig bun na luibh mhaisich so. Cha robh i tric air a cràdh gu mòr, gus na ceithear là deug mu dheireadh d’a beatha, agus mur bu trice choidil i gu math, ach an uair bha i ’na faireachdain bha i ghnàth air a pianadh. Tha mi creidsinm nach robh aon uair do fhior shlainte aice, agus cha b’urrainn iadsan a bha eolach air a staid gu’n iongantas a ghabhail an uair chitheadh iad co sèimh aoibhneach, agus toigheach an cuideachd is bha i mur bu trice. Is minic, an uair bhiodh na deoir a’ ruith sios air a gruaidhibh, nam faiceadh i gu’n d’thug mise no piuthar a mathar an aire dh’i, thiormaicheadh i iad, agus thigeadh i d’ar ionnsuidh le fiamh-ghaire, agus pòg, agus theireadh i, “na biodh iomagain oirbh, cha’n’eil mi ro chràiteach, is urradh mi ghiùlan, bithidh mi ni ’s fearr air ball,” no mar sin. [TD 155] Mheasadh a staid thar cungaidh-leighis, agus air an aobhar sin cha d’rinneadh deuchainn dhiu. Bha comas aice dol a mach a réir mar leigeadh an uair leatha. Chaith i a chuid eile do h-ùine mar dh’fheudadh i, aig a clarsaich, snathaid, no leughadh. Cha deachaidh sinn a shealltuin air muinntir eile ach mar bha air chomas dh’i dhol maille rium. D aithnich sinn gu’m b’fhearr leatha bhi aig a bhaile agus gu’m bu toigh leatha sinn aig a bhaile maille rithe. Air a’ mhios mu dheireadh do’n earrach 1784, Chuir sinn fios air mo charaid gràdhach Dr Benamor. B’ann trid beannachd Dhé air eolas agus a shaothair-sa tha mi am beachd, bha i air a fàgail againn co fada; agus cha’n urradh mi bhi taingeil gu leor air son a bhith dhichill, agus a mhor chaomhalachd dh’i. Tha i nis marbh, agus cha ’n urrainn i tuille aithris an ni sinn a labhair i cho tric mu’n chomhfhurtachd a thug e dh’ise, gu’n robh a leithid a léigh caoimhneil truasmhor a’ feitheamh oirre; ach am feadh agus is beo mise, tha earbsa agam gu’n gabh mi tlachd ann bhi ag aidmheil as a leth, an comain mòr a chuir e oirnn. Bhithinn neo thaingeil mar an ceudna nan di-chuimhnichinn iomradh dheanamh air caoimhneas Dr Allen a dh’fheith oirre gach là am feadh bha i mu dheireadh aig Southampton. Thàinig e mar an ceudna ga sealltuinn, agus a chur a chomhairle ri Dr Benamor o’n phill i do Lunnainn. Chleachd sinn le ro aire na nithe a dh’ orduich iad dh’i; ach ciod am feum a ni na cungaidh-leighis is fearr, no na leighichean is eolaiche, chum beatha shìneadh a mach an uair [TD 156] a ta an t-àm air teachd dluth anns an eigin urnuigh an Eadar mheadhonair a fhreagairt. “Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gu’m bi iad maille rium, far am bheil mi; chum ’s gu faic iad mo ghloir. ” B’e so aobhar àraidh bàis m’ Elisa ghràdhaich. Chuir an Tighearn an leanabh so d’am ionnsuidh gu togail suas air a shon féin; cha d’aicheadh e lathair dhomh ’sa chùis, agus an uair bha foghlum thairis agus ise ullamh airson néimh, ghabh e dhachaidh i d’a ionnsuidh fein. Fhuair mise mo dhiol tuarasdail anns an obair, agus anns a’ chrìch. Air comhairle Dr B. thug sinn deuchainn do uisge na mara; chaith sinn a cheud mhios an fhoghara 1784 ann an cuid aig Southampton, agus a chuid eile aige Priestlands. Am feadh bha sinn ’sna h-aitibhse, bha gach caoimhneas air a thaisbeanadh dh’i a dh’fheudta iarruidh. Agus bh’an t-ionnlad ’san uisge feumail dh’i, oir neartuich e i gu dol troimh’n gheamhradh no bu shocraiche. Chaidh chomhairleachadh dhuinn mar an ceudna dhol gu Southampton air an fhoghara so; ach cha d’rinn e am feum a rinn e roimh dh’i. Thoisich a làmhan agus a casan a cheana air àtadh, agus am feasgar mu’n d’fhalbh sinn fhuair i fuachd a thug a casdaich agus a teasach air an ais oirre, agus ged fhuair i saorsa o’n chasdaich agus o’n teasaich, air dhòigh is gu’n d’ionnlaideadh i fad’ cheithear là deug, cha b’urrainn i leantuinn air. Ach air sgàth na duthcha fhosgailt, agus sochairean eile nach fhaigheaimd ’an Lunnainn dh’fhan i ’an Southampton sé seach- [TD 157] duinean. Neartuich an Tighearn i gu teachd dhachaidh le socair. Phill i air an t-séathadh là deug do mhìos meadhonach an fhogharaidh, agus an sin thàinig i steach do’n tigh againn an uair mu dheireadh, oir cha deachaidh i mach tuille gus an robh i air giùlan a dh’ionnsuidh a’ charbaid mhairbh. Scriobh mi mar so mu thimchioll a’ tinneis gu ruig nan tri seachduinean mu dheireadh do beatha. Tha mi nis air teachd gu sin is ro chudthromaiche agus is luachmhoire. Rinn a parantan urramach an dleasanas dh’i le togail suas ann an oilean agus teagasg an Tighearna. Bha i gu moch air a teagasg ann an ceud thoiseach a chreidimh Chriosduidh. Shoirbhich le ’n saothair gu so, nach robh leanabh air bith ni b’umhailte agus modhaile; no ni b’fhaide o’dhroch-chleachda agus dhroch ghné na ise; ach cha b’urrainn mi fhaicinn, an uair thainig i air tùs d’ar ionnsuidhne gu’n robh bheag do fhiosrachadh cridhe aice air nithibh Dhé. Ach air dh’i bhi ’nam theaghlaichse b’eigin gu’n dh’fheith i air mo mhinisteireachd an uair a leigeadh a slainte leatha, agus bha i mur bu trice an lathair aig àm na h-urnuigh agus mìneachadh nan scriobtuir ’san teaghlach ’sa mhaduinn agus san fheasgar. Bha càirdean agus ministeirean mar an ceudna maille ruinn gu tric, muinntir a bha le’n giùlan agus le’n comhradh, iomchuidh gu beachd ceart thoirt dh’i air eolas agus caithe beatha Criosdail. Air dhomh fios bhi agam gu’n robh i beachdail a thaobh naduir, dh’fhàg mi dha smuaintibh [TD 158] fein i air na chitheadh agus na chluinneadh i, ’ga toirt thairis do’n Tighearn o’n d’fhuair mi i, agus a’ guidheadh airsan gu’n teagaisgeadh e i gu ceart. An uair dh’fheuch mi re labhairt rithe mu thimchioll gnothaich a h-anama, cha b’urrainn i mo fhreagairt, ach le deuraibh. Ach fhuair mi misneach gu h-aithghearr gu chreidsinn gu’n shoillsich an Tighearn a tuigse, agus gun tharruing e iarrtus a cridhe ’na dhèigh féin. Bu mhòr a tlachd anns na h-orduighibh. Bu toigheach i aig àm na searmoin. Bu chruaidh an deuchainn leatha bhi air a cumail air h-ais o eisdeachd aig na trathaibh sonruichte, ach ghiùlan i an deuchainn le foighidin; agus cha robh moran curam aice ciod dh’fhulaingeadh i air feadh na seachduin nam biodh i comasach air feitheamh aig àm an aodhraidh fhollasaich. Thaisbean an gliocas leis na labhair i air na nithibh a chuala i ’an comhradh, no ’an searmonaibh, no nithe a chunnaic i, a breithneachadh ceart air an scriobtuir, agus a blas air nithibh spioradail. Agus bha mo dhochas air a dhaingneachadh le a caithe beatha gu leir a bha reir an t-soisgeil. Mar so ged fhàgadh i sinn gu-h-obann là air bith o cheann bliadhna gu leth, cha bhiodh teagamh agam nach bu dol thairis o bhàs gu beatha dh’i e. Ach b’ainmic a b’urradh mi thoirt oirre labhairt uimpe féin, nan deanadh i e b’ann le mòr irioslachd agus aire. Goirid an deigh dh’i pilltinn o Shouthampton, dh’fhairich i goirteas mòr air an robh i gus a so na coigreach. Bh’a spiorad suairce a ghiùlain le tinneas fadalach neo-chomasach air a chràdhsa fhulang; cha dthug e oirre gu’n labhair i cainnt [TD 159] no gu’n ghiùlan i i fein air dòigh neo iomchuidh, ach chaith e as gu dluth i. B’ann air Di-haoine an deicheaimh là fichead do mhios meadhonach an fhogharaidh bha i le leathad an staidhir an uair mu dheireadh, agus an sin fein air a giùlan. Bu mhath leinn a nia cunntas mion fhaotainn uaipe fein mu’n earbsa bh’ aice; gu h-àraidh do bhrigh gu’n robh iomagain oirre fein agus nach robh i làn réidh ris a bhàs air do chomharan a bhàis a bhi air am faicinn oirre. Ghabh piuthar a mathar a cheud chothrom gu innseadh dh’i gu’n robh e cosmhuil a nis nach robh a h-uair fad’ as. Fhuair i cothrom an ath mhaduinn, (a cheud la do’n mhios mu dheireadh an fhogharaidh). Bha i moran ni b’fhearr, bheothaich a cridhe, bha’n t-atharrachadh air son feabhais r’a fhaicinn ’na gnùis. Thoisich piuthar a mathar re labhairt le ràdh, “Mo cheisd, nach rbbh thu gle thinn an raoir?” Gu cinnte bha, fhreagar ise. “Mur fhaigheadh tu fuasgladh is i mo bharail nach b’fhada chumadh tu ris.” Tha mi do’n bheachd nach b’fhada.” “Mo cheisd, bha mi fo ro churam mu thimchioll do bheatha.” Ach tha dùil agam a bhean nach ’eil sibh mar sin a nis. Dh’fhosgail i nis a h-inntinn agus labhair i gu saor. Cha’n urrainn mi an t-iomlan aithris, ach b’e so a bhrigh. Tha mo bheachd air nithibh o cheann tamuill, fad’ o’n bheachd a bh’agam an uair a thainig mi d’ar n’ionnsuidhse. Chunnaic agus dh’fhairich mi diomhanas mo leanbuidheachd agus m’oige. Thuirt piuthar a mathar rithe, “Tha dùil agam gu’m bheil thu o cheann fhad a’ cleachdadh urnuigh [TD 160] uaigneach.” Fhreagair i, “Bha, dh’iarr mi an Tighearn o cheann fhada gu dichiollach do thaobh an atharrachaidh tha nis fagus orm, Cha’n’eil an làn dearbhachd sin agam bu mhath leam, ach tha earbsa agam, tha dochas agam gur earbsa mhath i, agus tha mi creidsinn gu’n dthoir an Tighearna dhomh na bhios feumail air mo shon, mu’n dthoir e as so mi. Ghuidh mi air gu’n ullaicheadh e mi air a shon fein, agus an sin luath no mall, is coma co dhiu.” Bu taitneach an ni so. Bha dearbhachd againn nach robh dùil aice re beatha, agus b’urrainn sinn labhairt rithe m’a bàs gun churam. Cha’n fheudar earbsa gu’n labhradh leanabh a réir riaghailt. Ni mo dh’fhoghlum i a creidimh o riaghailt, no o shamhladh bhriathran ge be co fallain is a ta iad. B’e an Tighearn fein a fear-teagaisg. Ach o’n bheagan a labhair i rium aig caochladh uairean, bha mi làn chinnte, gu’n d’fhuair i fior dhearbhadh air olc a pheacaidh, agus air a staid a thaobh naduir mar pheacach. An uair a labhair i mu’n Tighearn, bha i ciallachadh an Tighearn Josa Criosd am Buachaille mor a tha tional a leithide dh’uain ’na ghairdein, agus ga’n giùlan ’na uchd. Chreid i gu’n robh e araon na Dhia agus ’na dhuine an aon phearsa, agus bha ’n earbsa sin as nach gabh i nàire chaoidh, air a togail air a réite, a ghràs, agus a chumhachd. Do bhrigh nach ’eil air m’ aire briathran a chuir ’na beul nach do labhair i, tha mi aig ainmeachadh so air eagal gu’m biodh neach air bith aig iundrainn briathran ris an robh e fein cleachdta. [TD 161] Cha b’fhada lean i air dol am feabhas, air feasgar an là sin fein thoisich i ri gearan a sgornain a bha sior dol am measad, agus roimh fheasgar Di-domhnuich a bhagair a grad thachdadh. An uair a chunnaic Dr B. (aig an robh beagan earbsa an là roimh gu ’m feudadh i teachd uaithe) a h-atharrachadh cho mor agus cho aithghearr, cha b’urrainn e car tiota a churam m’a timchioll a cheiltinn. Thug ise a ghrad aire dha, agus ghuidh i air gu’n innseadh e gu soilleir a bheachd dh’i. An uair a thainig e chuige féin; thuirt e, “Cha’n’eil thu cho math ’sa bha thu Di-sathuirne. Freagair ise. Tha dùil agam gu’m bi an t-iomlan gu math’an aithghearr.” Thuirt esan “Co aca is beatha no bàs bithidh e uile chum gloire Dhé”. Dh’innis e dhomh gu’n robh moran do chomhradh taitneach eatorra an là sin agus gu’n scriobh e cuid dheth, ach gu ’n chaill e am paipeir. O’n àm sa feudar a ràdh gu’n robh i a’ faotainn a bhàis, oir bha sinn a sealtuin air a shon o uair gu h-uaìr. Air Di-luan an treas là fhuair i ionann agus glan fhuasgladh o’n ghoirteas ’na sgornan; ach bha coslas grodaidh a rìs ’na casaibh, ach dh’fhalbh e aon uair eile. Cha’n’eil cuimhne agam air a bheag do’n thachair air an là so. Bha i mur bu trice ann am péin mhoir, air uairibh ann an spairn a’ bhàis, neo-chomasach air fantuinn moran mhionaid air an aon dòigh. Ach bha sith inntinn aice; bha cuimhne aice; agus bha i ag urnuigh: ach b’en gnothach bu mhò ghabh i ri nithibh talmhaidh an curam a chunnaic i air a [TD 162] mhuinntir a bha m’a timchioll. Chum is nach cuireadh i am meud am pian air a sonsa, dh’fheuch i ri pian fhēin a cheiltinn. Chunnaic an Tighearn iomchuidh Mrs N. a chumail suas gu h-iongantach, agus fhuair i fois mhath ré na h-oidhche, ged nach robh dùil agam gu’m biodh an leanabh beo gu maduinn. Air Di-mart an ceithreamh là, mu thimchioll naoi uairean roimh mheadhon an là, Shaoil leinn gu’m b’e chrioch i, agus dh’fheith sinn dà uair thìm aig taobh na leapa air son a h-anail dheireannaich. Bha i ann am mor shaothair agus cràdh. Thuirt mi, “Mo cheisd, tha thu dol do fhlaitheanas, agus tha earbsa agam trid gràis Dhé gu’n lean sinne thu’ an ám iomchuidh.” Cha b’urrainn i freagairt, ach leig i aithneachadh dhuinn gu’n dthug i an aire dha na labhair mi, le bhi gluasad a cinn gu socrach, agus le fiamh-ghàire mhilis. Labhair mi mu mhoran earrannan do ’n scriobtuir, agus laoidh; thug ise am freagairt ceudna seachad. Ged bha i na tosda, bha sealladh ni bu treise na briathra. Mu thimchioll aon uair deug rinn ronnan tiugh; nach b’urrainn i a chuir a mach rotail ’na sgornan, agus shaoil sinne gu’m b’e am bàs e. Agus do bhrigh nach robh i toileach ni eigin a ghabhail a chaidh thairgse dh’i, cha robh sinn airson dragh a chur oirre, a’ saoilsinn gur e am bàs bh’ann. Tha mi am beachd gu’n dthigeadh a chrioch oirre ann an ceithreamh na h-uair, mur bhith gu’n dthainig Dr. B. asteach do’n t-sheomar. Dh’fheuch e a cuisle agus thuirt e nach robh i fagus air a bhàs, agus dh’iarr e ni eigin thoirt dh’i. Bha beachd [TD 163] aice ged nach robh e air chomas di labhairt: Chuir i an aghaidh ni air bith a ghabhail cho laider is a b’urrainn dh’i. Ach gheill i do iarrtus an Dr agus ghlan lan na dhà spainne sgornan, agus bheothaich i rìs. Bh’a cràdh ro mhòr, agus a doilghios mòr. Cha ’n fhaca mi riamh i cho fagus air mi fhoighidin ’sa bha i aig an àmsa; co luath ’so b’urrainn dh’i labhairt ghlaodh i “O ain-iochdmhor, ain-iochdmhor mo thoirt air m’ais a rìs, an uair bha mi cho sona agus fagus air falbh! B’fhearr leam nach dthainig tu; tha fadaidheachd orm gu dhol dachaidh. Ach ann am beagan mhionad ghabh i gu clos, agus dh’aontaich i ris na thuirt an Dr mu fheitheamh ri àm an Tighearna; agus o’n uair sin a mach, ged bha h-iarrtus air siubhal agus bhi maille ri Criosd a’cinntinn ni bu treise is ni bu treise, ghabh i gu deonach gach ni a chaidh thairgse dh’i, agus gu tric dh’iarr i fein ni eigin. Cia tric, nam faigheadh sinn ar roghainn, a chuireadh sinn an aghaidh ar n’urnuighean fein; ghuidh mi air an Tighearn gu’n caomhnadh e a beatha gus am fàgadh i dearbhachd shoilleir againn, air son ar comhfhurtachd. Gidheadh, an uair a chunnaig mi a cràdh, agus chuala mi i ràdh “O ain-iocdmhor a chur stad orm,” bha mi car mionaid ionann is d’a beachd fein, agus is beag nach robh mi dùrachdainn gu’n cuireadh an Dr dàil na theachd beagan ni b’fhaide. Ach nan caochaileadh i an sin, chailleadh sinn na chunnaic agus na chuala sinn fad dà là an déigh sin. Ach tha cuimhne na nithese nis ni ’s luachmhoire dhomh na airgiod is or. An uair thainig an Dr Di-ciaduin ghuidh i air [TD 164] gu’n innseadh e dhi cia fhad bhiodh i beo; “Am bheil thu rireadh, mo cheisd, deir esan? Fhreagair i.” Tha.” Mu’n àm sin bha fior choslas a bhàis orre; thuirt e rithe uime sin gu’m feudadh e bhith gu’n cumadh i ris gu ochd uairean san oidhche, ach nach robh dúil aig gu’n seachnadh i meadhon na hoidhche. An uair a chuala i e ràdh so, lag mar bha i las a suilean le h-aoibhneas, agus ag amharc air le mor thaitneas, thuirt i, “O is math an sgeul sin a rìreadh.” Agus dh’innis i e do neach thàinig goirid an deigh sin ’ga sealltuinn, ag ràdh tha’n Dr ag innseadh dhomh nach fhan mi so ach beagan uairean eile.” Am an fheasgar thug i an aire, agus chum i cunntas air gach uair a bhuail e, agus an uair a bhuail e seachd, thuirt i, “aon uair eile agus an sin.” Ach chunnacas math leis an Tighearn a caomhnadh dhuinn la’ eile. Dh’fhulaing i moran ré an h-oidhche, Di-ciaduin, ach gheill i le foighidin. Is ann aig n’ar seirbhisich bhaigheil, a rinn faire oirre dh’oidhche agus a là, le curam anmhunn, agus le caomhalachd nach b’urrainn òr a cheannach, tha làn fhios cia minic a thug i buidheachas dhoibh airson an saothair, agus an curaim m’a timchioll. Ged bha còir aca air a leithid so dhuais, gidheadh do bhrigh gu’n dthainig e dh’i fein agus aig a leithid a dh’àm, bha mor mheas aca air. Ghuidh i gu durachdach gu’n dthugadh an Tighearn duais dhoibh. Gu’n deonaicheadh an Tighearn comhfhurtachd dhoibh ann an uair a bhàis, mar dheonaich a dh’ise, agus an caoimhneas ceudna riuthesan o’n mhuinntir a bhiodh mu’n timchioll. [TD 165] Chuir e iongantas orm ’sa mhadainn Dir-daoin nach b’e ’mhàin gu’n robh i beo, ach beagan ni b’fhearr. Dh’fhalbh an cnàmham o casaibh a rìs. B’e so an là mu dheireadh dh’i agus bu là e air an dthigeadh dhuinn cuimhne chumail. An uair a dh’fhiosrach an Dr. dh’i cia mar bha i? Fhreagair i “sona rìreadh, agus ma ’se so am bàs, is taitneach an ni e.” Thuirt i rium m’a dheich uairean. “Fhir mo ghraidh, cha ghabhainn staid neach a ta air an talamh, a’ roghainn air mo staid féin; o cia grasmhor ’sa tha’n Tighearn dhomhsa! o ciod an t-atharrachadh a ta romham! Chaidh fhiosrachadh dh’i gu tric, am b’àill leatha mairsuin beo nan aisigeadh an Tighearn a slainte dh’i; b’e freagar. “Cha b’àill air son an t-shaoghail uile” “cha b’àill air son mìle saoghail.” Na guil air mo shonsa mo phiuthar mhathair ghradhach, ach gu mu mo ni thu aoibhneas agus a sheinneas tu cliu. Bithidh mi nis roimh Phatti Barham ghradhach, oir bàsaichidh mi roimpe. Dh’fheoraich sinn dh’i an ainmicheadh i earrann do’n scriobtuir o’n labhairte m’a timchioll an déigh a bàis? Dh’ainmich i air ball. “An ti a’s ionmhuinn leis an Tighearn, smachduichidh se e.” Is e sin, deir ise, m’fhein fhiosrachadhsa, bha mo dheuchainnean lionmhòr, ach cha robh aon thar a chòir dhiu; ni mo bha’n aon bu mhò dhiu ro mhòr, bheiream cliu dha air an son uile.” Ach an deigh stag beag thuirt i. “Dean foighidin tha mi am beachd gur e so stéidh theagaisg a’s iomchuidhe. “Is beannuichte na mairbh a gheibh bàs ’san Tighearn;” ’se sin [TD 166] m’fhiosrachadh a nis. Dh’ainmich i mar an ceudna laoidh gu sheinn an deigh na searmoin. Laoidh Olneì. II. Leabhar 72 Laoidh. Ged bha i gu tric air a pianadh agus air a cràdh, cha’n fheud mi ach beag do na briathra grasmhor a chuidich an Tighearn i gu labhairt, iomradh an so. Bha ni air chor eigin aice ri radh mar earail, no mar chomhfhurtachd ris gach aon bha i a’ faicinn. Thuirt i rithe-se a bha ghnàth a’ feitheamh oirre, “Feuch gu’n lean thu a’ gairm air an Tighearn, agus ma shaoileas tu nach ’eil e nis a toirt eisdeachd dhuit, gheibh thu eisdeachd fadheoidh, mar fhuair mise.” Labhair i moran ri ban-charaid chaomh a bha maille rithe gach là, agus tha earbsa agam gu’n cum i cuimhne air mar earail Elisa ghradhaich o leaba bhàis. Am measg nithe eile, thuirt i “Faic cia socrach a ni an Tighearn an leaba bhàis! Am bheil dùil agadsa r’a leithid a dhearbhachd aig àm do bhàis? Ma dh’iarrus tu e gheibh thu e gu cinnteach!” Rinn i sin urnuigh dhùrachdach air son a ban-charaid, an déigh sin air son nighinn brathar a mathar, agus an sin air son neach eile d’ar teaghlach a bha lathair. Cha robh a h-urnuigh fad, ach bha gach focal cudthromach, agus a dòigh labhairt ro dhrùighteach. B’e brigh a h-urnuigh gu’m biodh iad uile air an teagasg agus gu’m faigheadh iad comhfhurtachd o Dhia. Mu chuig uairean mu fheasgar dh’iarr i ormsa urnuigh dheanamh maille rithe aon uair eile. Air chinnteas rinn mi urnuigh om’ chridhe. An uair chriochnaich mi, [TD 167] thuirt i, Amen. Thuirt mise, “mo ghaol, an d’ainmich mi na nithe bu mhiann leat?” Fhreagair i, “O dh’ainmich!” agus an sin thuirt i, “Tha mi ullamh gu ràdh, “C’ar son a ta rothan a charbaid a’ deanamh maille? Ach tha dùil agam gu’n cuidich e mi gu feitheamh le foighidin ri uair fein.” B’iad so na focail mu dheireadh a chuala mise uaipe. Bha cridhe Mrs N. ceangailt, theagamh ro theann ris an leanabhsa; ach cha robh sin na iongantas an uair a smuainichear ciod a bha i, cia fhad’ agus cia mor a dh’fhulang i? Ach chum an Tighearn gu trocaireach suas i ann an uair na deuchainnse. Air chinnteis bu mhò bha dh’aobhar gairdeachais no broin againn; gidheadh tha’n dealachadh searbh. B’aithne do Elisa gu math a staid, agus tha mi am beachd gu’m b’e curam mu timchiollsa an curam mu dheireadh a bha oirre. Thuirt i riusan a bha làimh rithe. “Feuchaibh an dthoir sibh air piuthar mo mhathar a dhol a mach as an t-seòmar; tha mi am beachd gu’n dtheid mi gu foìs gu h-aithghearr; cha’n fhan mi maille ruibh gu maduinn. B’i piuthar a mathar a neach mu dheireadh a chuala i labhairt, agus bha i’na suidhe aig taobh na leapa ’nuair a shiubhail i. Beagan an deigh séa uairean air dhi chluinntinn gu’n d’thainig caraid sonruicht’ a bha cleachdadh teachd gach la ga sealltuinn, dh’iarr i togail “chum ’s gu’n labhradh i ris aon uair eile.” Thuirt piuthar a mathar rithe, “mo cheisd, tha thu ro lag, is fhearr dhuit gu’n fheuchainn ris.” [TD 168] Rinn i fiamh-ghaire, agus thuirt i, “ro mhath, cha’n fheuch.” Bha i an sin mu ruigheachd leth uair d’a h-atharrachadh gu gloir, ach lion gràdh d’a Tighearn a cridhe air dhòigh ’s gu’n robh i toileach, le h-anail dheireannach ni eigin a ràdh a dh’fheudadh a bhi chum maith do mhuinntir eile an deigh a bàis. Mu thimchioll seachd uairean bha mi spaisdeireachd ’sa ghàradh, agus ri dian urnuigh air a son, an uair a thainig searbhant d’am ionnsuidh, agus a thuirt i, “shiubhail i O Thighearna cia mor do chumhachd! Cia mòr do mhaitheas! Beagan laithean roimh so ciod nach dthugainn air son gu’m biodh i air a h-aiseag gu slainte, nam biodh e ceaduichte? Gidheadh is ainmic, fad mo bheatha, dh’fhairich mi aoibhneas cridhe bu mhò na fhuair mi o na briathara so “shiubhail i!” Ruith mi suas an staidhir, agus air ball bha ar teaghlach beag gu leir cruinn timchioll a leapa. Ged bha piuthar a mathar agus neach eile nan suidh a’ coimhead oirre, theagamh gu’n dh’fhalbh i beagan mhionad mu’n dthug iad an aire. Bha i na luidhe air a taobh chli le làmh fo lethcheann, mar gu’m biodh i ’na codal. Agus shaoil leam gu’n robh fiamh-ghàire air a gnuis. Is cinnteach nach fhacas am bàs riamh cho maiseach agus taitneach! Leig sinn sinn fein sios air ar glunaibh, agus thug mi buidheachas, (feudaidh mi radh) om’ chridhe d’ar Dia agus Slanuighear air son a mhoir mhaitheis dh’i, air a chrùnadh mu dheireadh le leigeil as cho socrach-Seadh, tha mi toilichte. Tha mi air faotainn comhfhurtachd. Nam feudadh a h-aon do [TD 169] na deuraibh sin a shil mi, ise thoirt air a h-ais gu beatha, gu slainte, gu co-chruinneachadh do gach ni a dh’ fheudadh an saoghal a bhuileachadh gu deanamh sona, dh’ fheuchainn r’an chumail air an ais. Nis tha m’ uile iarrtuis do taobhsa air an coimhlionadh. Tha laithean a broin air an criochnachadh. Tha i air tìr air an talamh shiothchail sin air nach seid soirbheas na trioblaid gu siorruidh. Tha i gu bràth an taobh thall do bhron, do pheacadh, do bhuaireadh, agus do ribibh. Nis tha i an lathair na righ-chaithreach! Tha i ga fhaicinnse, neach ged nach fhaca i, ghradhaich i; tha i ag ol do aibhnichean a shubhachais a ta air a dheas làimh, agus cha bhi tart oirre ni ’smo. Rugadh i aig St Margaret’s, Rochester, Feb. 6. 1771. Ghabh a parantan comhnuidh aig Anstruther, ’am Fife, 1773. Phill i d’ar n’ ionnsuidhne, Mar. 15. 1783. Thug i spiorad suas do lamhaibh a Fear saoraidh beagan roimh sheachd uairean ’san fheasgar, air Oct. 6. 1785, aig aois cheithear bliadhna deug agus ochd miosan. Bidh mi toilichte ma bheir an sgeul goirid so misneach do m’ chairdibh aig am bheil clann. Nach fheud sinn smuaineachadh gu’m bheil an Tighearn a’ labhairt ruinn mar labhair nighean Pharaoih ri mathair Mhaois. “Gabh an leanabh so agus altrum dhomhsa e, agus bheir mi dhuit do thuarasdal.” Cia cudthromach an [TD 170] ni tha air earbsa ruinn! Cia mor, cia duilich an dleasanas ri choimhlionadh! ach cia mor an duais ma shoirbhicheas leinn? Agus feudaidh sinn a bhi sealltuinn air son gach uile ni o mhaitheas agus o chumhachd, ma ’se, an dùil r’a bheannachd, gu’m bheil sinn le n’ar n’uile dhichioll ag oirpeachadh air a bhi deanamh a thoil. Is sona iadsan a their air an là dheireannach. “Feuch tha mi an so, agus a chlann a thug thu dhomh.” Chi clann mo chairdein mar an ceudna mo sgeul. Gu b’ann a dhearbhas i orra gu’m bheil e so-dheanta agus math an Tighearn iarruidh gu moch. Chum staid euslainteach m’ Elisa ghradhaich i o thaoghal ’an cuideachd muinntir og cho tric ’sa dh’ fheudadh i mur bith so. Ach thig an leabhar so gu làimh cuid dhiubhsan a b’aithne dh’i agus b’ionmhuinn leatha. Tha mi a’ moladh agus a toirt thairis an leabharsa gu h-araidh dhoibhse. O mo chairdein oga nam faiceadh sibh cia treun ’sa chaidh i mach an coinneimh a bhàis chuireadh e iongantas oirbh. Na cumadh beothalas ar ’n inntinn, no maise nan nithe tha m’ur timchioll sibhse o thoirt fainear, gu’n dthig na laithean oirbhse mar an ceudna, (mur spionar air falbh sibh gu h-obann as a bheatha sa) anns an aidich, agus am bi fios agaibh, nach urrainn an saoghal, no gach ni, ta ann, toilinntinn a thoirt dhuibh. Ach a ta slanuighear agus aon chumhachdach a ghnàth faigs’ a ghnàth grasmhor dhoibhse dh’ iarrus e. Gu b’ann a bhios sibhse cosmhuil rithese air ar comhnadh gu [TD 171] roghainn a dheanamh dheth mar Fhear stiuraidh ’ur n’ oige, agus Tighearn n’ur cridheachan. An sin cosmhuil rithe-sa gheibh sibh comhnadh agus comhfhurtachd an àm trioblaid, gliocas gu’r seoladh, earbsa mhath anns a bhàs, agus leis a bhàs dol a stigh shona gu beatha mhaireannach. Is e m’ urnuigh gu’n dthig beannachd o Dhia air pearsaibh agus teaglaichibh mo chairdein gu léir, agus orra-san uile a dh’ ionnsuidh an dthig an leabhar so, EOIN NEUTON. CRIOCH. EOIN PILLANS, Clodh-bhualadair an Duneidin.