[DA 1] NAIGHEACHDAN FÌRINNEACH (TRUE STORIES) [DA 2] [Blank] [DA 3] TRUE STORIES II TRANSLATED INTO GAELIC BY “FIONN” WITH ILLUSTRATIONS PAISLEY: ALEXANDER GARDNER Publisher by Appointment to the late Queen Victoria 1907 [TD 4] LONDON: SIMPKIN, MARSHALL, HAMILTON, KENT & CO., LMD. PRINTED BY ALEXANDER GARDNER, PAISLEY [TD 5] NAIGHEACHDAN FÌRINNEACH II EADAR-THEANGAICHTE GU GÀIDHLIG LE “FIONN” LE DEALBHAN PAISLIG: ALASDAIR GARDNER Clodh-bhuailtear, le a deòin rioghail féin, do ’n Bhàn-Rìgh Victoria nach maireann 1907 [TD 6] [Blank] [TD 7] CLÀR-ÌNNSIDH. TAOBH DUILLEIG Lachann Og Mac Fhionghain agus an t-Each-Ursainn, 9 (From “Tales and Legends of the Highlands,” by A. MacKenzie, 1878.) *Beachdan Eoghain Oig, 15 * Paigheadh nan Craicionn, 24 Ailean Donn agus Anna Chaimbeul, 29 (From “Tales and Legends of the Highlands.”) Màiri Nic Leòid agus a Leannan, 41 (From “Tales and Legends of the Highlands.”) * Cloinn Mhic Criomain an Dùin, 54 Coinnleirean na Ceapach, 67 Mac Iain Shroin-an-t-Sìthein, 70 * Mac-Dhonnachaidh Ionbhar-atha, 75 An Ceannaiche Eadailteach, 83 * Taghadh Ministear Sgireachd, 106 * Maighstir Alasdair agus Mac Mhaighstir Alasdair, 125 Am Pìobaire Stiallach agus na Radain, 135 [TD 8] TAOBH DUILLEIG * Eachdraidh Chloinn Ghriogair, 143 * Goid na Muice, 165 Sgeulachdan mu ’n Fhreiceadan Dubh— I.— Fear char Og, 75 II.— Seachd Gillean Gleusda—(Lachunn Mór Dhubhaird), 220 Eoghan-a’-Chinn-Bhig, 250 * Mar a Thagh sinn ar Ministear, 254 * Original or adapted contributions. DEALBHAN. MU CHOINNEAMH “Fhuair iad a mach a’ chiste-mharbh aon uair eile,” 38 “Coinnleirean na Ceapach air gach taobh de ’n ceann-cinnidh Fear na Ceapach, aig ceann a’ bhuird,” 69 “A mach thàinig a’ chlann ’nan ruith,” 141 “Thug Bran daoi-leum as am bad na caillich,” 199 [TD 2] NAIGHEACHDAN FIRINNEACH. LACHUNN ÒG MAC FHIONGHAIN AGUS AN T-EACH-URSAINN. Is math dhuinne a tha beò an diugh gu bheil na seana dheas-ghnàthan ’s na seana chleachdaidhean a bha cumanta ’s na làithean a dh’ fhalbh anns na h-eileanan agus air tìr-mor, an déigh dol air chùl. Ghabhadh e iomadh leabhar mór a dh’ aithris a liughad gniomh eucorach a rinneadh anns na linntean a dh’ fhalbh agus an t-ain-tighearnas a chleachdadh an aghaidh chlanna nan Gàidheal leis na h-uachdarain Ghàidhealach. Bha a leithid de chumhachd aig na cinn-chinnidh anns an àm ud—bha aca, mar their sinn, dà cheann an ròpa ’s cead a tharruing—nach robh e comasach do ’n tuath an cinn a thogail, oir cha robh còir no ceartas a’ dol—cha robh ann ach “gabh sin no fàg so.” Tha an sgeul a leanas a’ leigeil ris dhuinn aon de na cleachdaidhean a bha dol an Eilean a’ Cheò ceud gu leth bliadhna roimhe so. Cha luaithe a thàinig am bàs air aon de ’n tuath na bha an sgeul air aithris do ’n uachdaran—gu [TD 10] dearbh bhitheadh dorran air ris a’ mhaor-fhuinn mur cluinneadh e ’n sgeul an taobh a stigh de thrì làithean an déigh dha tachairt. Mu’n gann a bha an tuathanach fo thalamh, bha am maor-fuinn a’ taghal air a’ bhanntraich bhochd, ma thuit do ’n fhear a dh’ fhalbh a bhi pòsda—agus a’ tagradh an ainm a mhaighstir gu ’m biodh an t-each a b’ fheàrr ’s an stabull, an t-each-ursainn mar theirte ris—air a liubhart suas dha-san, mar nì aig an robh làn-chòir aig an uachdaran. Bha an cleachadh so, coltach ri laghan nam Medich is nam Persianach, neo-chaochlaideach. Air baile-fearainn farsuing far an robh an tuathanach gu math dheth bha an t-each-ursainn air a liubhairt suas gun mhóran gearain o na b’ e sin nòs na dùthcha, ach bha e ’na throm-uallach air an tuath bhig agus gu sònraichte air banntraichean a bha air am fàgail le teaghlaichean móra meanbh, mar is tric a thachair. Neach ’sam bith a dhiùltadh, no a dh’ fheuchadh ris an cleachdadh mi-chneasda so a sheachnadh, bha e a’ call a chòir air a’ bhaile-fearainn, beag no mór ’g an robh am fearann sin, agus bha ’chòir aig an uachdaran gach dealg a bhuineadh dha a reic. Is tric a thachair e nach robh aig an fhear nach maireann ach aon each, ach an déigh sin uile bha an t-uachdaran cruaidh-chridheach an geall air a chuid fhéin a bhi aige, agus bha an t-each air a thoirt air falbh leis a’ mhaor-fhuinn ged a bhiodh an teaghlach uile a’ sileadh nan deur air son an eich, mar is tric a thachair. [TD 11] Dh’ éirich tuasaid co-cheangailte ri giùlan a mach an t-seana chleachdadh mhi-chneasda so ann an sgìreachd an t-Srath a thug cùisean gu aona-cheann ’s a chuir crioch gu brath, anns an Eilean Sgitheanach co dhiu, air togail an eich-ursainn. Mu thoiseach na seachdamh linn deug chaochail tuathanach d’ am b’ ainm Lachunn Mac Fhionghain anns an t-Srath, agus is gann a bha e fuar fo thalamh ’n uair a thaghail am maor-fuinn air a’ bhanntraich dheuraich, agus a thagair e an t-each a b’ fheàrr ’s an t-seisrich. Leis gu ’n robh a fear ag aideachadh Fear an t-Srath mar a cheann-cinnidh bha sùil aice gu ’m biodh esan truacanta rithe ’na call brònach, agus nach tugadh e leis an t-each-ursainn, agus mar so dhiùlt i an t-each do ’n mhaor-fhuinn. Chuir so frionas nach bu bheag air a’ mhaor agus bhitheadh an t-each aige a dheòin no dh’ aindeoin. Bha a’ bhanntrach a h-uile buille cho dannara ris a’ mhaor agus thuirt i ris mu dheireadh gu ’n ruigeadh ise Fear an t-Srath ’s gu ’n innseadh i dha mar a bha cùisean a’ seasamh, ach each no làir nach faigheadh e an latha sin. Chuir so an dearg chuthach air a’ mhaor, oir cha chual e riamh a leithid de ladarnas, agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad thar a chéile gu searbh salach, agus thàinig iad gus na buillean, gus mu dheireadh an robh a’ bhanntrach ’ga dalladh le fuil a cinn. Coma leibh, theann i air a’ mhaor gus an d’ fhàg i dìol coin air, agus a’ tionndadh ri a balachan beag a bha gal r’ a taobh, ars’ ise— [TD 12] “Cha mhac mar an t-athair, thu a Lachainn Oig, Mur diol thu le fuil droch càradh do mhàthar, ’S mur smàl thu gu bàs, le dioghaltas air chòir. Am borb-fhear fiadhaich so, am mortair gun nàir’!” Cha robh mòran Criosdalachd anns a’ ghuidhe so, ach bha leisgeul na banntraich r’ a ghabhail oir bha i air a cur thuige gu goirt. Ach a thilleadh gu mo sgeul. Thug am maor leis an t-each agus dh’ fhalbh e. Chaidh cùisean air aghaidh air an t-seann dòigh anns an Eilean ré nam bliadhnachan gus mu dheireadh, mu fhichead bliadhna an déigh mo sgeòil, ’n uair a thachair do ’n cheart mhaor dol gu dorus banntraich air a’ cheart thurus. Thàinig so gu cluasan Lachuinn òig a bha nis ’na làn duine, ’s nach do dhi-chuimhnich briathran a mhàthar, agus chuir e roimhe gu ’n dìoladh e an t-ana-cothrom a fhuair ise ’n uair a bha e òg. Faodar a ràdh gu ’n robh Lachunn òg, fuasgailte, agus cho làidir ris an fhear a bu treise ’s an sgìreachd. Cha bu ruith ach leum leis dol as déigh a’ mhaoir a bha air a rathad do ’n t-Srath le each na banntraich. Rinn e suas ris agus a’ beirsinn air chùl amhaich air, dh’ iarr e air dol air ais leis an each, agus a’ cur ’na chuimhne mar a bhuilich e a mhàthair, fichead bliadhna roimhe sin. Thòisich fiaclan a’ mhaoir air snagartaich leis an eagal ’n uair a chunnaic e colg nimheil Lachuinn Oig, ach chum e greim teann air an t-srian ’s cha leigeadh e le Lachunn corrag a chur air each na banntraich. Thòisich a nis an strì ann an da-rìreadh [TD 13] agus an uine ghoirid thuit am maor glan mharbh air an rathad mhór. Ghabh Lachunn Og a sgian dubh agus gheàrr e ’n ceann bhàrr na coluinne agus ghlan se e aig tobar a bha faisg air, agus ris an abrar “Tobar a’ chinn” gus an latha ’n diugh. An sin leum e air muin an eich agus thàr e as gu tigh Fir-an-t-Srath, a cheann-cinnidh, a’ giùlan ceann a’ mhaoir air bàrr a sgeine. ’N uair a rainig e an Tigh-mor chuir e eagal nach bu bheag air na seirbhisich, oir bha ceann a’ mhaoir dearg le fuil, ’s draoin an donuis air. Gun tighinn bhàrr an eich dh’ fheòraich e an robh Mac Fhionghain aig baile, agus air dhoibh innseadh dha gu ’n robh, thubhairt e: “Abairibh ri m’ cheann-cinnidh gu bheil mise an so gu ceann Dhonnachaidh Mhóir, am maor, a liubhart dha gu sàbhailte gu ’n fhios nach bu mhath leis a chrochadh na thalla mar shuaicheantas an-iochdmhorachd agus buirbe.” Chaidh an teachdaireachd uamhasach so a ghiùlan gun dàil do ’n uachdaran, agus cha chreideadh e gu ’n biodh a leithid de ghniomh fuilteach air a chur an gniomh le h-aon de ’n chinneadh, ach thàinig e dh’ fhaicinn co bh’ ann. ’N uair a chunnaic Lachunn Og e tighinn leum e bhàrr an eich agus a’ deanamh ùmhlachd d’ a cheann-cinnidh mar bu dùth ’s mar bu dual, thog e ceann duaichnidh a’ mhaoir air bàrr a sgeine. “Ciod so a Lachainn a bha thu ris, có a mhort thu?” dh’ fheòraich Fear an-t Srath ’s e fo bhuaireas. Dh’ innis Lachunn an sin a sgeul dha o bhun gu bàrr, agus cha do dhi-chuimhnich e innseadh dha [TD 14] mar a mhi-bhuilich Donnachadh Mór a mhàthair ’n uair a chaidh a fàgail ’na banntrach, agus a’ guidhe gu’n tugadh esan tòrachd a mach air a shon na’m bu dual dha làithean fhaicinn. Dh’ éisd Fear an t-Srath gu foigidneach agus dh’ aidich e gu ’n robh na cùisean sin air an giùlan air aghaidh gun fhios gun fhorfhais dhàsan. Thug e mathanas do Lachunn Og, agus thug e dha àite Dhonnachaidh Mhóir, agus thug e mach àithne air oighreachdan nach robh banntrach no dilleachdan, oighreachan no luchd-daimh ri bhi air an cur thuige air son eich-ursainn no ni air bith a bhuineadh dhaibh. [TD 15] BEACHDAN EÓGHAIN ÒIG “’S coma leis an Rìgh Eóghan, ’s coma le Eòghan co-dhiù.” THA iomadach duine neònach anns an t-saoghal, ’s fear no dhà dhiù anns a’ Ghleann thiorail so, agus bha e uam beagan fhacal a ràdh mu bheachdan h-aon dhiù, ach leis gu bheil e cho dual nach toir thu feairt air beachdan Eóghain òig mur bi fios agad có e, tha cho math dhomh beagan a ràdh mu Eóghan féin an toiseach. Mar their luchd nan casagan dubha, anns a’ cheud àite, feumar a thuigsinn nach ’eil Eóghan òg idir—’s fhada o’n dh’ fhàg e bhi òg, ach cha bhi e féin ag innseadh, oir is fleasgach e, ’s cha mhò ni mise luaidh air aois. Faodaidh mi so a ràdh ’s an dol seachad, gu bheil seòrsa cuimhn’ agam air ’athair, a fhuair aois mhór. Bha e streap ri còig fichead ’n uair a chaochail e. ’N uair a bha Eóghan òg so th’ againn ’na làn duine, thòisich daoine ri “seann Eoghan òg” a ràdh ri athair. Tuigidh tu mar so am fleasgach air a bheil mi ri aithris. Tha Eóghan ma ta ’na duine còir pongail, ’s cho fada ’s a cheann ’s a bha Fionn ’s na casan, agus ’n uair dh’ innseas mi dhuit gu ’m b’ann de “ghearra-ghobaich Mhuc-càrna” ’athair, tuigidh tu gu bheil a theanga cho geur ris an ealtainn. Tha Eóghan ’na dhuine mor foghainteach agus thig e [TD 16] mach le ’bheachdan a dh’ aindeoin an Rìgh ’s Mac Cailean. Tha ’n sgìreachd bàn an dràsd agus tuigidh tu fhéin a’ bhrionglaid a tha ’n lorg a mhi-fhortain so. Chaochail am Ministear Mór latha Fhéill-Brìghde agus ma thuiteas dhuit dol do mhuilionn no ceàrdach cha chluinn thu ach greadan aig a h-uile fear air a’ chléir. Cha ’n ’eil sgonna-bhalach anns an sgìreachd nach ’eil ’ga mheas fhéin làn chomasach air an duine cheart a thaghadh air son na sgìreachd; ’s tha na garraich an impis dol ás an amhaich a’ strith ach co ’gheibh anns a’ chòmhlan a tha ris a’ mhinistear a thaghadh. Cha ’n iongantach leamsa cluasan na cléir a bhi teth, ’s iomadach smàdadh a tha iad a’ faotainn an dràsda. Thuit dhomh a bhi rathad na ceàrdaich an latha roimhe agus chuir fead nan clachan-meallain mu na cluasan agam, a stigh mi a ghabhail fasgaidh. Chuir Seumas gobhainn fàilte orm ag ràdh—“Thigibh a stigh, cha ’n ann a h-uile latha a thig sibhse air chéilidh, cha ’n e gu bheil sinn a’ talach air goinne luchd-taghail an dràsda.” Có thainig a stigh aig mo shàil ach Eóghan òg, agus fhreagair esan an gobhainn. “Gu dearbh cha ’n ’eil, a Sheumais, agus mur tig a’ bhrionglaid so gu aona-cheann an uine ghoirid cha bhi do bhrochan-sa ach tana aig deireadh an ràidhe—cha ’n ’eil thu faotainn oibreachadh ’n ad cheardaich fhéin. Na ’m bu ghniomh labhairt cha bhiodh an sgìreachd gun churaidhean an dràsd, ach ‘cha dean a’ ghlòir bhòidheach an t-amadan sàthach’—mar thuirt an [TD 17] sean fhacal.” “Nach coma leat iad,” fhreagair an gobhainn còir, “cha ’n ann a h-uile latha gheibh iad an guth a shìneadh, theagamh gu ’n tig gliocas le aois, ’s tha cuimhn’ agad air an t-sean-fhacal—‘Léintean farsuinn do na leanaban òga.’” Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann, thug mi sùil mu ’n cuairt, an déigh dhomh Eóghan òg fhàilteachadh, ach có bh’ agam. ’Gan garadh air an tealaich bha Calum na bòilich agus Dùghall a sheana-mhathar. ’Na shuidhe air oir an amair bha Dùghall Ruadh am bàrd loireach á Cadaldan ’s e cur ri aithris ‘Aoir nan seilcheag, a’ bhàrdachd mu dheireadh a chuir e air dòigh. Bha Dòmhnull beag an t-seicleir a’ séideadh a’ bhuilg, agus Seumas nan long casa-gobhlach air adharc an innein, ’s gille ’ghobhainn ’na shuidhe air a’ cheann eile. A bharrachd orra so bha sgaoth de ghillean a làthair air nach robh mi mion-eòlach, ach thuig mi gu ’n robh iad uile ann an ceàrdaich roimhe so. Mar a thuigeas tu, ciod a bh’ air lom na dalach ach taghadh ministeir sgìreachd, agus cha luaithe a shùmhlaich sinn na ghlaodh Calum na bòilich—“An cluinn thu so, ’Eòghain òig, tha mi fhein agus Dùghall a so, brath dol thar a chéile mu ‘Ciod iad comharraidhean deagh mhinisteir duthcha?’” agus bu mhath leinn do bheachd air a’ chùis fhaotainn. “Fhalbh, fhalbh,” fhreagair Eòghan òg, “cum sin gu Di-h-aoine Ceisde, ’s bithidh i cho righinn ris a’ Cheisd a bh’aca ’s a’ Chill Neònaich an uiridh, ’nuair a theab na bodaich leum air a [TD 18] chéile.” “Ciod a’ Cheisd a bha sin?” dh’ fheòraich an gobhainn, is aoibh uilc air. “Nach robh,” arsa Eoghan òg, air a mhìn shocair—“C’arson a bha Edom ròmach ruadh?” “’S ciod an co-dhùnadh gus an tàinig iad?” dh’ fheòraich an gobhainn. “Thàinig an oidhche mu n’ deach ac’ air a’ cheisd fhuasgladh agus dh’ aontaich iad gu tugadh iad air bonn i an ath-bhliadhna, air Di-h-aoine Ceisde,” fhreagair Eoghan òg. “Tha iad ag ràdh,” arsa Calum na bòilich, “gu bheil Eachunn Ruadh, fear de na daoine, a’ dol feadh na sgìreachd ’s ag ràdh mur bi iad uile aon-sgeulach—’s e sin de ’n aon bheachd ris fhéin, mu Edom, air an ath latha Ceisde, gu tig e mach leis a’ ghur a leanas ris, á tigh na daorsa, agus gu ’n cur e eaglais air chois fo ’n ainm Edomaich.” “Cha ’n ’eil an sin,” arsa Eoghan òg, “ach tuille de d’ bhòilich, a Chaluim.” “Ach an da-rìreadh, Eoghain,” arsa Dùghall a sheana-mhàthar, “ciod e do bharail air ministear dùthcha?” “’S e mo bheachd-sa: ma tha daoine dol a thaghadh ministear le chomharraidhean o ’n leth muigh gu ’m bi ’bhlath ’sa bhuil air a theagasg,” fhreagair Eoghan, “agus is fior an sean-fhacal—‘’N uair a bhios am pobull dall ni ’n gille cam ministear.’ Taghadh sibh-se fear mar so ’s cha bhi a shearmonachadh na ’s drùightiche na ‘Aoir nan seilcheag’ aig Dùghall Ruadh no ‘Cumha na h-easgunn’ aig a’ Bhàrd Mac Làmhaich.” Chuir so frionas air a’ bhàrd loireach agus fhreagair e gu gobach—“Nach ann agad tha ’n dearg aghaidh [TD 19] labhairt cho tàireil ri sin air mo bhàrdachd-sa, fear nach do sgriobh Cumha no Aoir riamh.” “Taing do ’n Fhreasdal,” fhreagair Eoghan òg, “a chum mo thoinisg ’s mo thuigse rium; tha gu ’n teagamh ’fhàgail fhéin aig gach neach, ach buidheachas do Ni Math a chum mi gus a so o’n bhàrdachd—’s e sin an seòrsa a tha dol an dràsd—cead na cuideachd!” Chuir so an dearg chuthach air a’ bhàrd loireach ’s thug e chasan ás ged a bha ’n dìle mhór ann. “Chuir thu an teicheadh air a’ bhàrd, arsa Dòmhnull beag, ’s e fhein cho moiteil mu ‘Aoir nan seilcheag.’” “Gabhadh e siud,” arsa Eòghan Og, “tha bàrdachd is bàrdachd ann, agus cha ’n ’eil mi gun tuigse ciod e fior bhàrdach, ach ’s beag orm iadsan a bhios ag ràdh bàird riutha fhéin, ’n uair nach sloinnear iad a’ measg nam bàrd le daoin’ eile. Cùl mo laimh ris na ròcais lonach.” “Tha thu glé cheart,” fhreagair an gobhainn, “ach éisd so ’Eòghain, ciod e do bharail air na seòid a chuala sinn o chionn Sàbaid no dhà; ciamar a chòrd am bodachan beag riut a bh’againn a sheachdain an Dòmhnach so chaidh?” “N e sin am bodachan sìth a bha cho neo-neular ’s ged a thigeadh e as an t-Sìthein ud thall, ’s a ghabh mar a cheann-teagaisg: ‘Is beannaichte luchd-deanamh na sìth?” “A cheart duine,” Eóghain, ars an gobhainn, “Ciamar a chòrd a theagasg riut?” “Cha do chòrd ach glé mheadhonach,” fhreagair Eóghan. “Bha sibh a’ bruidhinn air comharraidhean deagh mhinisteir, ach gu [TD 20] dearbh cha chomharradh math leam fein ministear fhaicinn a’ tighinn a stigh do ’n eaglais le ceum slaodach, a’ tarruing a chasan ás a dhéigh mar gu ’m bitheadh gearra-bhuinn luaidh air a bhrògan, a cheann ’na sgròban, ’s e cho crom ri bodach na gealaich no ris a’ mhàsan bhodaich a tha cumail a suas an t-saoghail—aodann cho fada ri fidhill, ’s gun choltas aoidh no aiteas air; a réir mo bheachd-sa cha chomharraidhean maith no freagarach sin air Teachdaire “deadh sgeul a mhòr aoibhneis.” Air an laimh eile cha bu mhath leam am ministear fhaicinn a’ trotan a stigh, a’ feadaireachd ‘’S coma leis na h-ighneagan cìobairean taobh Loch-odha;’ tha cuimse air na h-uile rud, ’s tha rathad làmh ris an rathad mhor. A thaobh teagasg a’ bhodachain shìth cha do chord e idir rium. Cha duine garg no fuilteach mi, ach air a shon sin cha’n ’eil bàigh no tlachd agam anns an teagasg bhog, mhaoth tha dol an dràsd. Cha’n ’eil e idir duineil ’s cha chòrd e ri càil nan Gaidheal. Theagamh gu ’n robh e freagarrach do cho-shuidheachadh nan Iùdhach an am an Tiomnaidh Nuaidh—oir bha iad diùididh bochd, ’s fo smachd aig na h-uile—ach Clann nan Gaidheal nach do ghéill do nàmhaid riamh—a shlachd na Romanaich fhein, gus am b’ fheudar dhaibh gàradh-droma ’thogail tarsuing Alba eadar iad féin agus gillean an fhéilidh—cha bhi cuid no gnothach aca ris an teagasg mheata so. A reir an teagaisg tha dol an diugh, ma bhuaileas fear sgleog ’s an leth-cheann ort tha thu ri làn chothrom a [TD 21] thoirt dha sgleog a thoirt do’n leth-cheann eile, cha b’e so teagasg an t-Seann-Tiomnaidh. B’e mo laochan Maois—cha bhiodh cuid no gnothach aige ris an teagasg thais so—’s e bhiodh aige-san, “Sùil air son sùla, fiacail air son fiacail, làmh air son laimhe, cos air son coise, buille air son buille.” Cha ’n ’eil fhios agam co dhiù chòrd no nach do chòrd beachdan Eóghain Oig ris na bha ’s a cheàrdaich, ach cha robh de dhànadas aig duine na chuir ’na aghaidh. B’ e Seumas nan long an ath fhear a thug tarruing air na ministearan. “Nach bu ghlan a dh’éirich an seana bhodach liath a bh’ againn Di-dòmhnuich so chaidh air na Pàpanaich?” arsa Seumas nan long. “Thug e dhaibh e thall ’s a bhos, air son a bhi ’g altrum an aineolais, ’s a’ taghadh an dorchadais a roghainn air an t-solus. Nach cruadalach an ni e nach ceadaich iad do ’n luchd-leanmhuinn leabhraichean a leughadh, agus nach ’eil a dh’ anam aig duine beò am Biobull a leughadh no ’mhineachadh ach an Sagairt a mhàin. Nach do chòrd am bodach liath riut ’Eóghain?” “Gu dearbh cha do chòrd, a Sheumais,” fhreagair Eóghan. “Bha ’n urchair coltach ris a’ ghunna, ’s a thaobh laidhe air na Pàpanaich bha e cho ceàrr ris a’ bhodach a bha ’n Cnòideart a bha tachas beingidh na leapach an àite a leis. Cha ’n fhiosrach mi gu ’n robh iarraidh agam riamh air teagasg Eaglais na Roimhe, ach ’s toigh leam an ceartas a ghnàth, agus ‘cothrom na Féinne’ do na h-uile, agus cha robh am bodach liath ach a’ bruidhinn [TD 22] air thuaiream ’n uair a leig e ruith d’ a theanga mu na Pàpanaich. Tha rathad aca-san is rathad againne anns an t-saoghal so, ach theagamh gun coinnich sinn thall. Aig Dia tha fios, ach tha aon ni aig a bheil fhios agamsa agus ’s e so e, gu bheil an Tiomnadh Nuadh aca an Gàidhlig, agus cead is cothrom aca air a leughadh, cho math ri iomadh deagh leabhar Gàidhlig eile mar a tha “Iùl a’ Chriosdaidh” agus “Leanmhainn Chriosd.” “Tha thu cur iongantas orm, Eóghain,” fhreagair Seumas nan long, “agus fuil nan ‘Cumhnantach’ a’ ruith a’ d’ chuislibh, gu ’m biodh taobh blàth agad ris na Pàpanaich. Nach cuala mi fhéin am ministear mòr ag ràdh na ’n tigeadh am Pàpa a nall gu ’n rachadh a h-uile Bìobull ’s an sgìreachd a chur ’na smàl, ’s tha mi creidsinn h-uile facal dheth. Cha robh na Pàpanaich riamh cneasda.” “Matà, Sheumais,” fhreagair Eóghan òg air a shocair, “’s e mo bheachd na ’n tachradh an ni tha thu ’g ràdh gu bheil leabhar no dhà is mò a dh’ ionndrainneadh tusa na ’m Bìobull, oir mur ’eil mi air mo mhealladh tha thu na ’s eòlaiche air ‘Aoir na h-Aigionnaich,’ is ‘Di-moladh Móraig,’ na tha thu air Sailm Dhaibhidh no Dàn Sholaimh, agus gu dearbh cha b’ e do chomaine a bhi cho trom air na Pàpanaich, no idir mi-chneasdachd a chur ás an leth. Eisd so, a Sheumais: tha cuimhn’ agamsa air do sheana-mhàthair a bha chòmhnuidh anns a’ bhothan bheag cùl na coille. Bhuail am fiabhrus dubh i agus bha sgàth air an sgìreachd dol ’ga [TD 23] còir. Cha robh anns an sgìreachd na rachadh a dh’ fheitheamh oirre. Bha an Sagairt Ruadh a’ fuireach teann air cùl na coille ’s an àm agus b’ esan a rinn gniomh an deagh Shamaritanaich. Bha e a’ frithealadh dhi a latha ’s a dh’ oidhche, ’s ’n uair a thàinig am bàs oirre, rinn e a righeadh, agus thug e air Seumas saor ciste-mharbh a dheanamh air a son, agus thug e fhéin ’s a ghille leotha a’ chiste-mharbh, chuir iad do shean-mhàthair innte, chladhaich e fhéin ’s a ghille an uaigh, fhuair iad cairt Phàruig an Tuairnear—a’ cheud Phàpanach a thàinig riamh do ’n sgìreachd, agus thug Cailean na Croite—Pàpanach eile—coingheall eich dhaibh, agus chuir a’ cheathrar Phàpanach so do sheana-mhàthair gu crìosdail fo thalamh. Ciod e do bharail air na Pàpanaich a nis? Am b’ e do chomain labhairt gu tàireil orra! Na cluinneam a leithid.” Cha d’ fheith Eóghan Og ri freagairt Sheumais nan long. Thug e ’n dorus air ’s dh’ fhàg e siud aig Seumas ri chnuasachadh. ’N uair a dh’ fhalbh e cha tàinig facal a ceann duine. Chuir Eóghan a’ ghlas-ghuib orra gu buileach. Bha an turadh ann a nis, dh’ fhàg mi beannachd aig Seumas gobhainn ’s thog mi orm. Ruigidh mi ’cheàrdach latha eile. [TD 24] PAIGHEADH NAN CRAICIONN. ’S E fìor dhuine còir a bh’ann an Dòmhnull na Croite, agus bha a bhean, Màiri Dhùghaill Sheumais, ’na boirionnach deanadach glic. Is iomadh cruach mhòna a loisg a’ chàraid so còmhla, gun ghuth mòr gun dhroch fhacal. Ged a bha sin mar sin, bha teanga gle gheur aig Dòmhnull ’n uair a rachadh a chur thuige, agus thigeadh e ’mach le facail glé sgaiteach air uairibh. ’S e Donnachadh Tiorram ’s a’ Ghlaic, an tuathanach a b’fhaisge air Dòmhnull, agus ged a bha iad eòlach air a chéile o’n a rugadh iad, cha robh a’ bheag de dhol is tighinn eatorra. Bha bheachd fhein aig Dòmhnull na Croite air Donnachadh Tiorram, ach cha bu duine e bha trom air a bhi bruidhinn mu dhaoin’ eile. Uair a bha siud, thuit do Dhòmhnull na Croite agus fear no dha eile ás an sgìreachd a bhi aig Faidhir an Obain, agus tha e coltach gu ’n do cheannaich Fear an Tuim seana mhart maol o Dhonnachadh Tiorram, agus cha robh e cinnteach nach deachaidh an car a thoirt as, agus thàinig e a ghabhail comhairle Dhòmhnuill na Croite o’n a bha esan eòlach air Donnachadh. Chaidh na seòid a stigh do Thigh-na-drochaid, agus an deigh lethbhodach no dhà, dh’ fheòraich Fear an Tuim de Dhòmhnull na Croite, [TD 25] a bharail air Donnachadh Tiorram. So mar a fhreagair Dòmhnull e—“Ma ta, is fhada o’n bha mise eòlach air Donnachadh Tiorram, ach cha ’n aithne dhomh fhathast e. Cha ’n abair mi nach pàigh Donnachadh na cheannaicheas e, ach ’s e mo bheachd gu bheil fior dhroch mheomhair aige, agus mur cuir daoine ’na chuimhne e bithidh latha ’s bliadhna ma’m pàigh e na cheannaich e. Tha na ’s miosa na Donnachadh ’s an t-saoghal, ach ’s obair latha ’m faotainn.” Cha robh feum air a chòrr a ràdh. Bliadhna no dhà an déigh so thainig ministear ùr do ’n sgìreachd, agus cha deanadh ni feum leis ach gu ’n rachadh leth-dusan foirfeach ùr a chur air leth, agus am measg na chaidh a thaghadh, fo stiùireadh a’ mhinisteir, bha Donnachadh Tiorram. Bha fear no dhà anns an eaglais an latha a chaidh ainmeannan nam foirfeach a leughadh leis a’ mhinistear, a chrath an cinn ’nuair chual’ iad ainm Dhonnachaidh Thiorraim. Air an rathad dhachaidh thug fear no dha tarruing air na foirfich ùra. “Nach ann air an sgìreachd so a thàinig,” arsa Seumas Mor, “’nuair tha Donnachadh Tiorram ’na fhoirfeach; is fhada o’n a chuala mi gur math an latha ’ni ’m madadh ruadh searmoin.” “Cha’n ’eil agad ach an fhìrinn,” arsa Eóghan greusaiche, “ach dé do bharail air a’ mhinistear a rinn foirfeach dheth? Ach theagamh gu bheil cuid de ’n choire againn fhein—a thagh am ministear—“’Nuair ’bhios am pobull dall ni ’n gille [TD 26] cam ministear.’” “Saoil sibhse,” arsa Calum figheadair, “an téid aig Donnachadh Tiorram air ùrnuigh phongail a chur suas?” “Ma ta,” arsa Seumas mor, “tha fear no dhà anns an sgìreachd a chuirinn air ceann dleasdanais de’n t-seòrsa sin air thoiseach air Donnachadh.” Chuir Dòmhnull na Croite stad air an t-seanachas leis an t-sean-fhacal aithris—“Cha bhi fhios ciod a tha ’s an truaill gus an tarruingear e.” Aig a’ Bhealltuinn bha an tuath a’ pàigheadh a mhàil mar a b’ àbhaist ann an Tigh-an-Eilein, agus bha deur beag a’ dol. Am measg na cuideachd bha Donnachadh Tiorram, no Fear na Glaic, mar theireadh daoine modhail ris, agus dé rinn Lachunn an Doire ach “Deoch-slàinte nam foirfeach ùra” a thogail, agus b’ fheudar do Dhonnachadh Tiorram bodach eile uisge-bheatha òrduchadh do’n chuideachd. Mu dheireadh thòisich na seòid air an rathad a dheanamh dhachaidh á Tigh-an-Eilein mar a b’fheàrr a dh’ fhaodadh iad. Có bha ri gualainn Dhonnachaidh Thiorraim ach Lachunn an Doire, agus ghabh e an cothrom a dh’innseadh dha gu ’n robh cuid ’s a’ bheachd nach robh fhios aca an rachadh aige air dol gu pongail an ceann dleasdanais. “Có bha ’g ràdh sin?” dh’ fheòraich Donnachadh Tiorram gu frionasach. “Cha ’n ’eil toil agamsa duine seach duine ’ainmeachadh,” fhreagair Lachunn, “ach tha cuid dhiu ’s a’ chuideachd an nochd, a thubhairt e.” “Ma ta bithidh fios aca air atharrach mu ’n tig [TD 27] crioch air an latha so,” arsa Donnachadh Tiorram. Cha robh tuille mu ’n chùis gus an d’ ràinig a’ bhuidheann a’ choille challtainn aig Bealach an Fhuarain. ’Nuair a sheas a chuideachd aig an Fhuaran, ’s cuid ag òl deoch ás, thug Donnachadh Tiorram dheth a bhoineid gu stòlda ’s mu ’n robh fhios aig na fearaibh c’àite ’n robh iad, thòisich e ri ùrnuigh gu dùrachdach. Sheas na seòid mar a bh’aca, iongantas air gach h-aon ciod a bu chiall d’ a so uile. “Nis fheara,” arsa Donnachadh Tiorram ’s e fosgladh a shùilean, “dé ar barail air a sin?” “Cha robh siud gu h-olc idir,” fhreagair Lachunn an Doire. “Is suarach sin làmh ris na’s urrainn dhòmh ’dheanamh,” arsa Donnachadh gu moiteil. Thog na seòid orra aon uair eile, ’s bha iad coltach ris an each bhàn a bha ’n dorus an t-sabhuill—a’ smaoineachadh tuillidh ’s a bha iad ag ràdh. ’Nuair a bha iad a’ tarruing dlùth do ’n Chachaile Dheirg far an robh cuid de ’n chuideachd ri dealachadh, thuirt Donnachadh Tiorram gu moiteil—“Fheara cha bu mhisde sibh facal ’s an dealachadh,” ’s mu’n robh fhios aca c’àite ’n robh iad bha boineid Dhonnachaidh ’na achlais ’s e cur ri ùrnuigh. Is gann a bha ’n “Amen” ás a bheul ’n uair a dh’ fheòraich e gu dalm, dannara, “Nach dean sin feum ’fheara? Có their a nis nach ’eil mise comasach air ùrnuigh a dheanamh? Is suarach sin laimh ris na ’s urrainn dhòmh ’dheanamh.” Théid mise ’n urras gu’n robh ùrnuigh Dhonn- [TD 28] achaidh Thiorraim ainmeil, agus gus an latha diugh, cluinnear seann daoine anns an sgìreachd ag radh—“’Is suarach sin làmh ris na’s urrainn dhòmhsa ’dheanamh,’ mar thuirt Donnachadh Tiorram mu’n ùrnuigh.” Urnuigh ann no as, bha aon duine ’s an sgìreachd nach d’atharraich a bheachd mu Dhonnachadh Tiorram, ’s b’ e sin Dòmhnull na Croite. ’Nuair a bha Dòmhnull air leabaidh ’bhàis có thàinig g’ a fhaicinn, gun sireadh gun iarraidh, ach Donnachadh Tiorram. Cha robh deigh ’sam bith aig Dòmhnull air a chonaltradh. Mu’n do thog Donnachadh air a dh’fhalbh chuir e suas ùrnuigh mhór, fhada, réidh, agus ars an dubh Pharasach ris an fhear a bha ’s an leabaidh—“Nach math an ùrnuigh chuir mi suas air do shon, a Dhòmhnuill?” “Bha an ùrnuigh math gu leòir,” arsa Dòmhnull air a mhìn shocair, “ach cha do phàigh thu riamh dhomh na craicinn.” Cha d’ éisd Donnachadh Tiorram ris a’ chòrr. Is fhada o ’n a chaidh an dithis a chàradh fo ’n fhòid ann an Cille-Bhreannain. An cuid de Phàrras dhaibh! [TD 29] AILEAN DONN AGUS ANNA CHAIMBEUL. BHA Dòmhnull Caimbeul á Scalpadh ’s na h-Earradh fo iomradh am Bliadhna Theàrlaich, oir bha e leis a’ Phrionnsa aig Cùil-fhodair, agus ’na fhògrach am measg eileanan Innse-gall iomadh latha ’na dhéigh so. Bha aig Dòmhnull aon nighean àluinn, a bha cho malda ’s a bha i bòidheach; gu dearbh cha robh coimeas dhi am measg nan eilean. Grathann roimh ’n bhliadhna 1768, thug Ailean Donn, mac do Ruaidhridh Moireasdan á Steòrnabhagh, gaol do Anna Chaimbeul. Bha e ’na sgiobair luinge a bha ruith am bitheantas eadar Steòrnabhagh agus an t-Eilean Manannach, ach air uairibh bha e dol cho fada ris an Spainn. Bha e ’na ghille deas, dìreach, agus cho cuimir ri fear a shuidh riamh aig stiùir. Thug Anna bhòidheach gaol a cridhe do Chaiptean Ailean (’s ann ainmig a gheibheadh e a shloinneadh, oir có do nach b’ aithne Ailean Donn). Coltach ri leannain eile, b’àbhaist do Chaiptean Ailean, ’n uair a thilleadh e bho thuras-cuain, faidhrean a thoirt dhachaidh do Anna—sròl sìoda, no annart caol, nithean air an robh mór mheas anns an àm ud anns a’ Ghàidhealtachd. Bha Ailean Donn ann am mór ghràdh air Anna Chaim- [TD 30] beul, agus bha fadal air gus an tigeadh latha na bainnse. Air uairibh chluinnteadh e canntaireachd— Mo rùn-sa Anna bhòidheach, Mo rùn-sa Anna mhodhail, bhanail, ’S ioma fear tha ’n tòir oirr’: Mo rùn-sa Anna bhòidheach. Mar eala measg nam faoileagan, No ’n ròs ri taobh nan sòbhrag, Sud agaibh ’measg nan nionagan An rìbhinn so a leòn mi. Greas, greas a ghrian, an latha sin Chi mise ’s Anna pòsda, ’S ’n uair thig an oidhche, fuirich seachdain Cùl nan cnoc, ma ’s deòin leat. Mu dheireadh chaidh latha na bainnse ’shocrachadh, ach roimh ’n latha sin bha aig Ailean ri dol do ’n Eilean Mhanannach ’s tilleadh air ais. Chaidh a shocrachadh gu ’n rachadh an réiteach a dheanamh am feasgar mu ’n seòladh Ailean. Air feasgar Earraich sa bhliadhna 1768, sheòl Caiptean Ailean á Steòrnabhagh gu Scalpadh. Bha leis air bòrd còmhlan de chàirdean ’s luchd-daimh a bha ’n geall air a bhi aig an réiteach. Bha long eile a’ seòladh leotha fo stiùradh bràthair Ailein, Ruaidhridh Moireasdan. ’N uair a dh’ fhàg iad Steòrnabhagh bha an latha briagha le deothaig ghaoithe a’ lionadh nan seòl. Cha robh iad fada á cala ’n uair a ghrad dh’ éirich a’ ghaoth gu gaillionn. A dheanamh cùisean na bu mhiosa bha frasan glìb ’g an dalladh. [TD 31] Bu treun a ghleachd an dà luing ri tonnan uaibhreach is stuadhan ioganach a’ Chuain Sgìth, ach a dh’ aindeoin na b’ urrainn iad a dheanamh chum Sgalpadh a ruigheachd roimh bheul na h-oidhche cha robh iad ach aig na h-Eileanan Sianta ’n uair a thàinig an oidhche dhubh, dhorcha orra, ’s bha iad ann an cunnart nach bu bheag. Chum ’s gu ’n aithnicheadh iad a chéile anns an dorcha, chroch iad solus dearg, cho math ris an t-solus gnàthaichte, ann am bàrr croinn gach luing, agus leis gu ’n robh an dà bhràthair an geall air a bhi ’n Scalpadh an oidhche sin, lean iad air cathachadh an aghaidh na gaillinn a bha nis an impis an cur fodha. Cha do lean so ach goirid ’n uair chunnaic iad nach robh e comasach dhaibh seasamh an aghaidh na doininn ni b’ fhaide. Is e so a bha ’m beachd Ruaidhridh co dhiu, ’n uair chual e thar ànradh a’ chuain, glaodhaich a’ tighinn o ’n luing eile. Air dha bhi beagan an ceann air long Ailein aig an àm, shaoil leis gur ann a bha iad ag iarraidh air cumail air aghaidh, ’s cha do ghabh e mòr smuain mu ’n chùis, agus co dhiù cha robh e comasach dha dol g’ an cuideachach ged bhiodh iad ’na fheum. Os cionn gànraich nan tonn chualas an glaodh bho long Ailein, agus ann an tiota sguir e, agus chaidh na soluis a bha ’m bàrr a’ chroinn ás an t-sealladh. Is ann an sin a mhàin a thuig Ruaidhridh ciod a bu chiall do ’n ghlaodhaich a chual’ e o sgioba bàta Ailein a bha dol fodha, ’s a bha nis a réir coltais an grunnd a’ chuain. Ged a bha eu-comasachd dha móran [TD 32] cuideachaidh a dheanamh riu, oir bha gu leòir aige r’ a dheanamh a long féin a chumail an uachdar, ghreas Ruaidhridh mar bhràthair dìleas ’s mar mharaich treun, an taobh a chunnacas soluis bàta Ailein mu dheireadh; ach mo chreach! cha robh nì ri fhaicinn no ri chluinntinn mu ’n luing no mu ’n sgioba; bha iad uile an grunnd a’ chuain. An sin dh’éirich glaodh tiamhaidh bho sgioba bàta Ruaidhridh a bheireadh taise air cridhe cloiche. Bho ’n latha sin gus a nis cha ’n fhaca ’s cha chualas facal mu luing Ailein, no mu ’n sgioba bh’ air bòrd. Goirid an deigh an sgiorraidh so laidh a’ ghaoth beagan agus dh’ ìslich cìrean geal nan tonn, agus mar so bha e comasach do Ruaidhridh cala Scalpaidh a ruigheachd moch an ath mhaduinn. Leis gu ’n robh sùil ris na seòid an oidhche roimhe sin, cha deachaidh gin do na Caimbeulaich a laidhe—bha iad làn iomagain mu Ailean, oir bha fhios aca gur e gàbhadh na gaillinn a mhàin a chum e. Mar sin aig bristeadh fàire bha iad air mullach an dùin, a bha teann air an tighean—oir o ’n mheall so bha sealladh math aca air a’ Chuan Sgìth, air fhad, ’s air a leud. O ’n dùn so chunnaic iad long Ruaidhridh a’ deanamh dìreach air an eilean. ’N uair a sheòl i suas Caol Scalpaidh, bha na Caimbeulaich, ’s ’nam measg Anna bhòidheach agus cairdean is luchd-daimh, ’nan seasamh air rudha th’ air taobh an iar-thuath an eilein, agus leis gu ’n robh iad am beachd gur i long Ailein a bh’ ann bha iad g’ a fhàilteachadh o ’n chladach. Ach mo [TD 33] thruaighe! cha b’ fhada gus an deachaidh an gàirdeachas a thionndadh gu bròn, oir ciod a chunnaic iad ach nach bi long Ailein a bh’ ann idir ach long Ruaidhridh, agus gu ’n robh bratach a’ luasgadh anns a’ ghaoith, bho mheadhon a’ chroinn. Thug Anna bhochd aon ghlaodh aisde: “Tha ’n t-Ailean ’sa chuan!” agus chaidh i ann am plathadh. Leig long Ruaidhridh a mach a h-acair, agus ann an uine ghoirid bha fhios aig na cairdean mar a thachair. Cha ’n fheuch sinn ri bròn Anna aithris, is leòr a ràdh gu ’n do bhris a cridhe air son Ailein Duinn a bha “Fo fhaoileig na mara ’S fo ghaillinn nan stuadh.” Dhiùilt i bhi air a comfhurtachadh, agus ’na dhéigh so bha i ri fhaicinn gach maduinn, nòin, is feasgar an oir a’ chladaich ag iarraidh corp Ailein ’s ag aithris— “Ailein Duinn shiubhlainn leat.” Lean i mar so fhad ’s a bu bheò i, ’s cha b’ fhada sin, oir chaochail i leis a’ bhriseadh-cridhe ann am beagan laithean. Rinn i an t-òran a leanas air a leannan, Ailean Donn. Cluinnear an t-òran so le fhonn tiamhaidh fhathast anns na h-Earradh:— Gura mise th’ air mo sgaradh! Cha ’n e sùgradh ’nochd th’ air m’ aire. SEISD—Ailein Duinn ò-hi, shiubhlainn leat, I ri-rì-ri-ibh-o, hio-hug-òirinn-o, Ailein Duinn o-hì, shiubhlainn leat. [TD 34] Ach stoirm nan sianta ’s meud na gaillinn Dh’ fhuadaicheadh na fir o ’n chala. Ailein Duinn, a luaidh nan leannan, Chuala mi gu ’n deach thu thairis. Air a’ bhàta chaol, dhubh, dharaich, ’S gu ’n deach thu air tìr am Manainn. Cha b’ e sud mo rogha cala, Ach Caolas Stiadair anns na h-Earradh. Ailein Duinn a luaidh mo chéille Gura h-òg a thug mi speis dhuit. Ailein Duinn, a chiall ’s a nàire! Chuala mi gu ’n deach do bhàthadh. Gur a truagh nach mi bha làmh riut, Ge b’ e sgeir no bogha ’n tràigh thu. M’ achanaich-sa, Rìgh na Cathrach, Gun mi dhol an ùir no ’n anart. ’N talamh-toll no ’n àite falaich, Ach ’s a’ bhall, an deach thu, Ailein. Gura mise th’ air mo sgaradh! Cha ’n e sùgradh ’nochd th’ air m’ aire. Mar tha air aithris anns an òran, b’ e rùn a cridhe gu ’n rachadh a’ càradh ann an “uaigh Ailein”—b’ e sin an cuan. Cha ’n ’eil fhios co dhiu a gheall a càirdean so dhi ’s nach do gheall. B’ e ainm Ailein na facail mu dheireadh a labhair i air thalamh. Air a cuartachadh le càirdean brònach. dh’ éirich a [TD 35] h-anam do Thir an Aigh, taobh thall na h-uaighe, agus ged a bha i air caitheamh leis a’ bhròn bha a h-aghaidh cho bòidheach ’s a bha e riamh. Rinn na h-eileanan mu ’n cuairt bròn air a son. Bha a leithid de mheas air na h-eileanaich air Anna Chaimbeul ’s air an teaghlach d’am buineadh i gu ’n tàinig iad am fad ’s am fagus a dh’ fhaicinn a cuirp ré na seachdain a bha iad a’ caithris leatha. Chaidh uidheamachadh mór a dheanamh air son an tòrraidh, agus chruinnich sluagh mór g’ a ionnsaidh. Cha ’n ’eil Ròdul, an t-àite anns an robh iad ri h-adhlacadh, ach mu thri-mile-deug o Scalpadh, ach leis na bha de chàirdean deònach air Anna bhòidhich fhaicinn ’g a càradh fo ’n fhòid an Cladh Chliamain, b’ fheudar dhaibh trì ochd-ràmhaich a chur fo uidheam. Anns a’ cheud bhàta bha sgioba taghte, oir innte bha ’n giùlan, agus na dlùth chàirdean; anns an dara bàta bha càirdean a b’ fhaide mach agus luchd-eòlais; agus anns an treas bàta bha am biadh ’s an deoch air son an tòrraidh, oir cha robh e air a mheas anns an àm ud gu ’m biodh tòrradh ceart mur robh gu leòir ri itheadh ’s ri òl air. B’ e Di-Sathuirne latha an torraidh—latha bhios fada air chuimhne anns na h-Earradh. Sheòl na trì bàtaichean á Scalpadh a’ toirt an aghaidh air Ròdul. Anns a’ cheud bhàta—“Am Bàta caol Cannach”—bha a’ chiste-mharbh agus dlùth chàirdean mar a bha Coinneach Caimbeul bràthair Anna Chaimbeil, Caimbeulach Mharraig, Caimbeulach Strannd, Mac Leòid Hùisinnis agus Mac Leòid [TD 36] Loisgin-tire, agus dhà no trì eile de phriomh dhaoine na h-Earradh. Bha a’ mhadainn soilleir ’s gun deò á athar, ’s mar sin b’ fheudar do na gillean na ràimh a ghabhail. Is gann a bha iad seachad air Rudha Réibhnis ’n uair a dh’éirich seideag bheòthail an ceann orra. Grad mhùth an latha, dh’ fhàs an speur dubh dorcha, agus dh’ éirich a’ ghaillionn. Cha robh de spéiread anns na gillean na chuireadh na bàtaichean an aghaidh na gaoithe leis na ràimh. ’N uair a dh’ éirich an soirbheas thog “am Bàta caol Cannach” a siùil agus chaidh a giùlan am mach gu meadhon a’ Chuain Sgìth, far an robh i ’n uair a bha ’n doinionn aig a h-àirde. Bha a siùil air an stròiceadh ’nan stiallan agus leis gu ’n robh an sneachd a nis ’ga chur, cha bu léir dhaibh tìr. Bha iad da-rìreadh ann an suidheachadh eugnaidh, oir cha robh e comasach do bhàta cumail an uachdar ann an leithid de chuan, ’s bha an taoim a nis air eirigh a dh’ ionnsaidh nan tobhtachan. Threig dòchas iad gu buileach agus thòisich gach aon air guidhe tròcair g’ a anam, ’n uair chunnaic iad uile sealladh a chuir uamhann orra—coltas mnatha, tanasg Anna Chaimbeil, a’ leanailt a’ bhàta gu teann. Cha luaithe chunnaic iad an sealladh so na chuir iad gach olc air mhanadh, ’s cha b’ iongantach sin, ’n uair a thuigeas sinn cho saobh-chràbhach ’s a bha na Gàidheil aig an àm so. Cha robh uair a thigeadh an tanasg, air an robh droch sgraing, teann air a’ “Bhàta chaoil Channaich” na thigeadh tonn mòr thar a beul-mor. Rinn an [TD 37] sgioba na dh’ fhaodadh iad chum am bàta thaomadh, ach bha ’n taoim a’ buidhinn orra ge b’ oil leò. Bha an tanasg a’ leanailt cùrsa a’ bhàta ’s a’ tighinn na bu dluithe orra ’n uair a chuimhnich iad deothas Anna ’s b’ e sin gu ’n laidheadh i le Ailean ann an grunnd a’ chuain, agus b’ e ’m beachd gu ’n robh a spiorad ’g an leanailt anns an stoirm a dh’ éirich, agus a nis mar thanasg, chum guidhe a h-anma a chomh-èigneachadh a dheòin no a dh’ aindeòin. Chomhairlich cuid a’ chiste-mharbh a chur thar na cliathaich gun tuille dàlach, ach cha tugadh bràthair Anna, Coinneach Caimbeul, cead so a dheanamh. Bha Coinneach aig an àm so ’na shuidhe ann an deireadh a’ bhàta, agus thàinig tanasg a pheathar cho teann air ’s gu ’n do chuir e a làmh air a ghualainn. Thuit gu ’n robh ’na phòca pasg iuchraichean a chaidh a chur fo sheunadh, agus thilg e g’ a ionnsaidh iad chum a dheanamh réidh, ach cha deachaidh leis. Mu ’n àm so bha cuid de ’n sgioba ’nan laidhe gun treòir leis an fhuachd ’s leis an eagal, air ùrlar a’ bhàta, agus chomhairlich fear a bu dàna na chéile anns an sgioba gu ’n rachadh cuid de na bha gun chlith a thilgeil thar na cliathaich chum am bàta aotromachadh. “Cha téid anam beò a chur a mach,” arsa seann duine bha ’san sgioba, “gus an téid am marbh a mach air thoiseach air.” Is gann a bha ’m facal as a’ bheul ’n uair a chaidh tonn uamhasach thar a’ bhàta a theab a cur fodha, agus bhuail a’ chiste-mharbh, a bha nis a snàmh anns am taoim, [TD 38] Coinneach Caimbeul anns an uchd, agus theab ’s gu’ n robh e thar na cliathaich. An sin thug e òrdugh a’ chiste-mharbh a chur thar na cliathaich, ’s cha d’ fheith iad an darna h-òrdugh; ach is gann a bhean i do ’n t-sàile ’n uair a thilg tonn eile air a h-ais i do ’n bhàta. Fhuair iad a mach a’ chiste-mharbh aon uair eile, ’s a’ cur a stigh a cinn le dòirneag raimh, chunnaic iad corp Anna Chaimbeil a’ dol fodha ann an tiota gu grunnd a’ chuain, agus chaidh an tanasg as an t-sealladh. A thilleadh a nis gus na bàtaichean eile. Cha do thog iadsan seol, ach lean iad air an iomram gus an d’ ràinig iad Manais, far an deachaidh a’ chuideachd air tìr, agus choisich iad gu Ròdul, far an d’ innis iad mar a dhealaich iad ris a’ “Bhàta chaoil Channaich.” Bha iad uile de ’n bheachd gu ’n deachaidh i fodha, oir nach robh e comasach do bhàta fosgailte cumail an uachdar anns a’ Chuan Sgìth an latha sin. Dh’ fhàg am mi-fhortan so na h-eileanan fo bhròn. Dhi-chuimhnich iad bàthadh Ailein Duinn agus bàs Anna Chaimbeil, leis cho uamhasach ’s a bha chuis a bha nis air éirigh—oir bha iad a’ meas gur e breitheanas o Dhia bh’ ann, oir a réir coltais bha uaisle na h-Earradh an grunnd a’ chuain. Is gann a bha sùil gun deur anns an eilean ré iomadh latha a’ caoidh càirdean is luchd-daimh. Ach a thilleadh air ais gus a’ “Bhàta chaoil Channaich” a dh’ fhàg sin letheach uisge, agus an cunnart dol fodha anns a’ Chuan Sgìth. Cha [TD 39] luaithe a chaidh corp Anna Chàimbeil do ghrunnd a’ chuain na chiùinich a’ ghaillionn ’s a dh’ islich cìrean geal nan tonn. Chuir iad an taoim ás a’ “Bhàta chaoil Channaich” cho luath ’s a dh’fhaodadh iad, agus thuit do Chalum Mac Leoid a bhreacan a bhi leis, is chuir iad a suas mar sheol e, is ruith iad roimh ’n ghaoith gu luath; ach leis gu ’n robh an dorchadas ann cha robh fhios aca de taobh a bha iad a’ dol, agus bha iad fo eagal gu ’n rachadh am bàta ’na clàir air na creagan. An uine ghoirid mhothaich iad druim a’ bhàta a sgrìobadh na gainmhich air cladach réidh, agus thug iad taing do ’n Fhreasdal a thug sàbhailte gu cala iad. Leum iad le cabhaig air tìr agus an déigh beagan falbhain thàinig iad gu tigh-còmhnaidh far an d’ fhuair iad gabhail-aca gu coimhneil. C’ àite an deachaidh iad air tìr ach air Snìseard anns an Eilean Sgitheanach. Bha iad an sin grathann a’ cur an sgìos dhiu, agus cho luath ’s a bha ’nan comas, rinn iad an rathad dhachaidh gus na h-Earradh. Chaidh Coinneach Caimbeul bràthair Anna a bhàthadh. Bha e ’na sgiobair air luing a thachair air spùinneadair-mara Frangach, agus an déigh dhoibh long Choinnich a chreachadh chuir iad do ’n ghrunnd i fhéin ’s na bha air bòrd. Tha iomadh naigheachd air aithris mu sgioba a’ “Bhàta chaoil Channaich,” ach feumaidh mi tarruing gu crìch. Faodar ainmeachadh gu ’n deachaidh corp Ailein Duinn air tìr anns na h-Eileanan Sianta, goirid an déigh bàis a leannain, Anna Chaimbeul, agus chaidh [TD 40] a chàradh fo ’n fhoid ann an Leòghas. Goirid an déigh Dhi-Sathuirne an Fhuadaich fhuair iad corp Anna Chaimbeil anns an dearbh àite air na h-Eileanan Sianta anns an d’ fhuaradh corp Ailein Duinn, agus chaidh a caramh anns an aon uaigh ri Ailean. Theirteadh am “Bàta caol Cannaich” ris an eithear mhi-shealbhach a ghiùlain corp Anna Chaimbeil, a chionn gu ’n do cheannaich na Caimbeulaich i o dhuine a bhuineadh do dh’ Eilean Channa. [TD 41] MAIRI NIC LEOID AGUS A LEANNAN. BHA Tigh Mharabhaig ’na sheasamh air leth-bruthach, teann air ceann shuas Loch Shìthphort, ann an Innse Gall. Is e fior sheann tigh a bh’ ann, bha na ballachan sè troighean air leud agus mu cheithir troighean an àirde, air an togail de sgrathan, ùir, agus bullabhagan chlach; agus bha air mar mhullach fiodh a fhuaireadh air a’ chladach, air a chùirneachadh le sgrathan agus an sin air a thuthadh le raineach is luachair. Bha e gun uinneag gun luidheir, ach a mhàin fosgladh teann air an anainn agus fosgladh eile an druim an tighe a’ leigeil a mach cuid de ’n toit, ’s a’ leigeil a stigh leus beag soluis. Bha an teine air teis-meadhoin an ùrlair dhuibh. Bha callaid de fhiodh ’s de sheann siùil a’ roinn an taighe ’na earrainn. Bha an seann tigh so air a shuidheachadh anns na h-Earradh, a bhuineadh o chian do Shìol Tormoid, agus ’s e aon de ’n chinneadh a bha chòmhnuidh ann. Is tric a fhuair Ceann-cinnidh nan Leòdach fhéin aoigheachd ann ’n uair a bha e ri seilg anns na frìthean mu ’n cuairt. Is ann ás a’ cheart tigh so a sgrìobh Ruairidh Mór Mac Leòid Dhùin-bheagain, air dha bhi ag eiridinn a choise goirte, a dh’ ionnsaidh Rìgh Seumais anns a’ bhliadhna 1596 ag [TD 42] aideachadh gu ’n d’ fhuair e a litir ach gu ’n robh e eu-comasach dha tachairt air ann an Ile air an là dh’ iarradh air, “ged a bhitheadh a luingis fo làn uidheam agus an sruth ’s an soirbheas leotha.” Ach cha ’n ’eil an seann tigh a bha ’m Marabhaig ’san àm sin ann a nis, ach tha tigh ùr, nodha ’na àite, agus co air a b’ eòlaiche daoine na air “Fear Mharabhaig.” Anns an àm air a bheil mi ag aithris ’s e duine treun, glic, cothromach de Shìol Tormoid a bha tuineachadh ann am Marabhaig. Bha aon nighean aige—a bhan-oighre—a bha cho modhail mhalda ’s a bha i bòidheach, agus dh’ fhòghnadh sin. Cha robh òg-uasal ’san eilean nach robh a’ sireadh a laimh, ach bha gràdh mór aice air a h-athair, agus cha deanadh i ni gun a chomhairle a ghabhail, agus mar sin cha tug i gealladh-pòsaidh do h-aon dhiu. Ach thachair cùisean mu ’n àm so a thug leannan ùr g’ a h-ionnsaidh. Thuit gu ’n robh mu ’n àm a dh’ ainmich mi mac do Iarla Earra-ghaidheal aig fóghlum ann an Oilthigh Ghlaschu, agus dh’ éirich cònnsachadh eadar e féin agus oileanach Gàidhealach eile mu có an cinneadh a b’ inbhiche, agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad bho ’n chònnsachadh gus na buillean, cha b’ ann leis na duirn ach leis a’ chlaidheamh—air an robh iad le chéile cho teóma ’s gu ’n robh iad fada a’ strì gun fhios co aige bhiodh a’ bhuaidh. Mu dheireadh, le ’fhuil a’ fàs teth, fhuair e cothrom air eascaraid agus le aon bhuille sgoilt e chlaigionn ’na [TD 43] dhà leth. B’ fheudar do ’n Chaimbeulach a chasan a thoirt as cho luath ’s a b’ urrainn dha, oir bha an lagh an tòir air, agus theich e féin agus Mac do Mhac Leòid Dhùin-bheagain, a b’ fhear-còmhnaidh leis anns a’ chomh-strì, do na h-Earradh. Cha robh an Caimbeulach òg fada anns an eilean ’n uair chuir e eòlas air Màiri nic Leòid nighean Fir Mharabhaig, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ fhàs e ’n gaol oirre. Air dha bhi ’na ghille deas, dìreach, á teaghlach ainmeil, agus uasal ’na dhòigh thug e fo bhuaidh a ghaoil i, agus thug a h-athair a làn aonta, agus bha latha na bainnse air a shocrachadh. Ach thuit do Fhear Mharabhaig gu ’n d’ fhuair e fios goirid as deigh so air an aobhar a chuir an Caimbeulach do na h-Earradh, agus rinn e suas inntinn gu ’n cuireadh e stad air a’ bhanais. Bha fhios aige gu ’n togadh so droch-rùn eadar e fhéin agus teaghlach fir-na-bainnse. Cha robh eagal air nach gabhadh a nighean a chomhairle, ach bha e fo eagal roimh àrdan fir-na-bainnse, oir bha e òg agus uaibhreach mar chunnaic sinn. Bha fhios aig Fear Mharabhaig gu ’n robh teaghlach Mhic Cailein àrdanach, uaibhreach, agus math dh’ fheudteadh gu ’n gabhadh iad gu h-olc esan a dhiùltadh a nighean do ’n oighre agus gu ’n éireadh iad an aghaidh Sìl Thormoid. A dh’ aindeòin sin uile, ghairm Fear Mharabhaig a nighean g’ a ionnsaidh agus dh’ innis e dhith ann am briathran caoimhneil gach sgeul a chual e mu a leannan agus ann an cainnt dhùrachdaich thuirt e rithe: “Cha’n [TD 44] fhaod tuille conaltradh a bhi eatorraibh. Tha mi ro dhuilich mar thachair oir cha toil leam dol eadar thu agus gaol do chridhe, ach cha ’n urrainn dhomh leigeil leat fear a phòsadh tha ’n a ghràin dhomh. Tha thu fhathast òg. Cuir do dhòchas anns an Fhreasdal agus gheibh thu fear a bhitheas airidh ort agus d’ an toir t’ athair gràdh mar a mhac fhéin.” “’Athair,” fhreagair ise, ’s na deòir a’ ruith le a gruaidhean, “cha deachaidh mi riamh an aghaidh ar toil, ’s cha téid mi ann a nis, ach tha mo chridhe da-rireadh a’ bristeadh air son mo leannain; tha mi ’n dòchas gu bheil fios cinnteach agaibh mu chùisean mu ’n dean sibh an ni tha sibh ag ràdh. Ceadaicheadh dhomh fhaicinn aon uair eile.” “Cha ’n ’eil teagamh air bith,” fhreagair a h-athair, “mu ’n sgeul a chuala mi, oir ’s e oighre Mhic Leòid Dhùin-bheagain a dh’ innis dhomh e, agus chunnaic e féin a’ chomhrag-deise a chuireadh ann an Glaschu. Cha bhi mi cho cruaidh-chridheach ’s gu ’n diùlt mi dhuit an Caimbeulach fhaicinn a rithist, ach cuimhnich gur e so an uair mu dheireadh.” Thuit gu ’n robh e air a shocrachadh eadar Màiri agus a leannan, mu ’n tàinig cùisean gu aona-cheann, gu ’n tachradh iad air an fheasgar ud, agus b’ aotrom a cheum ’s bu shùgrach aigne ’n uair thog e air a Ròdul a thriall gu Marabhaig a thachairt air rùn a chridhe, Màiri nic Leòid. Bu bheag fiughair a bh’ aige gu b’ iad na facail “A ghràidh is fheudar dealachadh” a bha feitheamh air. Thachair e féin [TD 45] is Mairi, ’s ’g a pasgadh r’ a bhroilleach blàth gu teann ars esan: “Nach mi tha toilichte t’ fhaicinn aon uair eile, a Mhàiri, buidheachas do ’n Fhreasdal, cha ’n fhada gus an téid sinn còmhla ’s cha sgarar sinn fhad ’s is beò sinn.” “Is mise a bhiodh sona,” ars ise, “na ’n robh sin mar sin ach, leth na truaighe, cha ghabh e bhi.” Mar sin, ’s a cridhe gu sgàineadh, dh’innis i dha eadar na h-ospagan mar a labhar a h-athair, agus ars ise: “Cha ’n fhaod mi t’ fhaicinn tuille.” “Ciod sin tha thu ’g ràdh?” fhreagair a leannan, ’s e fo bhuaireas mòr. “’N e nach fhaic mi mo Mhàiri a rithist. Cha ’n fhaod e bhi. Cha dealaich mi ri mo Mhàiri fhéin.” Shil iad le chéile na deòir gu frasach geur, ’s an cridheachan ’s a phlosgail. Dh’ innis Màiri dha gu ’n robh facal a h-athar, coltach ri laghan nam Medach ’s nam Persianach, neo-chaochlaideach, agus gu ’m feumadh iad strìochdadh do na bha ’n dàn dhaibh. “Ma dh’ fheumar,” ars an Caimbeulach, “feuchaidh mise ri strìochdadh dha, ach cha bhi iarraidh agam air fanachd ni ’s fhaide ’s na h-Earradh. Fàgaidh mi an t-eilean gun dàil, bheir mi mhuir orm agus air a’ chuan mhór bithidh mo smuaintean oirre-se a ghoid mo chridhe ach a chuir cùl rium féin.” “Ceannsaich do ghearan, a ghràidh nam fear,” fhreagair ise, agus leig i ris dha gu ’n do ghabh ise an ceum a ghabh i ann an rathad ùmhlachd a thoirt [TD 46] d’ a h-athair, agus cho fad ’s a bu bheò esan nach pòsadh ise gun a chead, ach ghealladh i na ’m feitheamh esan air a son gus an rachadh a h-athair do ’n chill, gu ’n cumadh ise a gealladh dhàsan. “Agus,” ars ise, “cha phòs mi fear eile fhad ’s is beò thusa.” Fhreagair esan bho ’n a bha a gaol gun chaochladh, gu ’n robh e na b’ fhasa dhàsan a bhi strìochdadh do na bha ’n dàn da, gu ’n glacadh e misneach bho a briathran blàth dòchasach, agus gu ’m feitheamh e gu foighidneach gus an tigeadh an t-àm anns an rachadh iad còmhla. Shìn e dhith fainn òir a cheannaich e fa chomhair latha na bainnse, ag ràdh—“Gabh so agus cum i gus an coinnich sinn a rithist.” Ghabh i am fainne, ’s i fo aoibh ’s fo mhulad—fo aoibh a chionn gu ’n robh e ’na chuimhneachan air na bòidean a rinn iad a bhi dìleas d’ a chéile; fo mhulad a chionn gu ’m bu chuimhneachan e air leannan a bha gu bhi air a sgaradh uaipe. An deigh amharc air an fhàinne gu geur car ghreis chuir i ’na broilleach i ag ràdh—“Bheir mise dhuitse cuimhneachan ormsa—cuimhneachan a bha thu ri ghiùlan air do bhroilleach air latha na bainnse”—agus shìn i dha snaoim de ribein gorm, a cheangail i féin agus air an robh ceud litrichean an ainmean air an sgriobhadh le snathainn òir agus sìoda. Dh’fhàg iad beannachd aig a’ chéile, ’s iad a’ gul gu goirt, agus le cridheachan tiamhaidh dhealaich iad—theagamh gu bràth. [TD 47] Bha iad ’nan suidhe air uchdan os cionn Loch Shìthphort ’n uair a bha iad a’ conaltradh, agus ’n uair a dhealaich iad chaidh ise dìreach gu Tigh Mharabhaig, agus ghabh esan rathad an fhraoich gu Steòrnabhagh far an robh sùil aige seòladh air luing. Is ioma sùil a thug e rathad Mharabhaig air a rathad gu Steòrnabhagh. Tha sè-mile-fichead eadar Marabhaig agus Steòrnabhagh, agus ged a bha am feasgar ann ’nuair dhealaich an Caimbeulach ri Màiri nic Leòid, nighean Fir Mharabhaig, ràinig e bàile-mór Leòghais mu ’n do ghabh daoine mu thàmh. Shaoileamaid an déigh na rinn e de dh’ allaban air an latha sin gu ’n caidleadh e gun ghluasad gu maduinn, ach cha b’ ann mar sin idir a bha. Bha na cùisean a dh’ ainmich sinn ag éirigh ’na inntinn agus a’ cur bruailein air gus an do theab e dol ás a chiall. Thréig an cadal e, agus bha fadal air gus an tigeadh a’ mhaduinn. Bha e air a chois, ’s a mach mu ’n do bhlais an t-eun an t-uisge, agus thug e cuairt mu sheann chaisteal Steòrnabhagh, àite tuineachaidh Shìl Leòid, a’ cumail a shùl air a’ chuan ach am faiceadh e coltas luinge a’ deanamh air cala, a ghiùlaineadh air falbh e as an eilean a bha nis air fàs suarach ’na shùilean. Cha d’ fheith e fada oir chunnaic e long mhór fada uaith a’ cur bàta is sgioba gu tìr a shireadh uisge. Bha an long a dol do ’n Olaind. Ràinig e an cladach, agus cha luaithe bhuail am bàta tìr na ghlaodh e ris an sgioba: “Am bheil sibh gann de dhaoine?” [TD 48] “Ghabhamaid aon fhear math,” fhreagair fear de ’n sgioba. “So e matà,” fhreagair an Caimbeulach, agus cho luath ’s a bha na baraillean làn uisge, leum e stigh do ’n gheola. Chuir an sgiobair fastadh air, agus sheòl iad. Tha an Caimbeulach a nis air aird a’ chuain; faiceamaid ciamar tha cùisean a’ seasamh aig Marabhaig. Chaidh bliadhnachan seachad mu ’n do thog Màiri bhochd a ceann, ’s mu ’n d’ fhuair i thairis air a bhriseadh-cridhe a fhuair i. Bha i fada fo mhulad air son a leannain agus bha i fo eagal nach faiceadh i e ri ’beò. Bha a caoidhrean da-rìreadh brònach, agus dh’ fhàs i cho tana neo-neular gu ’m b’ fheàrr le h-athair na buaile bhò gu ’n rachadh aige air na bha seachad ath-òrduchadh. “Mo thruaighe mi,” bu tric e ’g aithris, “ma mharbh mi mo nighean. Tha i greasadh gus an uaigh.” Ged a dh’ùraich cuid de sheann leannain Màiri an gaol, cho luath ’s a sheòl an Caimbeulach, cha tugadh i sùil air a h-aon aca, ag ràdh gu modhail diongmhalta, “Cha ’n ’eil mi fhathast am bhanntraich.” Bha cóig bliadhna air dol seachad o’n a dhealaich Màiri nic Leòid agus an Caimbeulach, agus cha chualas fios no forfhais air. Cha robh fhios aice co dhiu bha e beò no marbh. Mu ’n àm sin thuit do ghrunnan sheòladairean a bhuineadh do luing mhóir a thainig a ghabhail fasgaith do Loch Shìthphort, taghal a dh’ iarraidh bainne ann an Tigh Mharabhaig, agus anns a’ chonaltradh a bha [TD 49] dol chaidh ainmeachadh gu ’m b’i an long acasan a’ cheart long anns an do sheòl an Caimbeulach á Leoghas cóig bliadhna roimhe sin, ’s nach d’ fhàg e riamh i gus an deachaidh a bhàthadh, mu chòrsa na Frainge, ceitheir bliadhna roimhe sin, gu ’n robh e caoimhneil dìleas, agus fo mheas mór aig an sgioba air fad. Thainig an sgeul so air Màiri bochd mar chloich as an athar, thug i glaodh tiamhaidh aisde agus chaidh i glan seachad. Anns an luasgan a dh’ éirich as a so, dh’ fhàg na seòladairean an tigh, ’s cha robh cothrom air a’ chòrr fheòraich mu ’n Chaimbeulach, agus sheòl an long moch an ath mhaduinn. Bochd ’s mar a bha cor Màiri roimhe bha i tur brònach a nis. Dhiùlt i bhi air a comhfhurtachadh, ’s bha i tuireadh ’s a’ bròn a dh’ oidhche ’s a latha fad iomadh ràidhe. Cha robh e comasach a dùsgadh gu sunnd, ’s ghabh lionn-dubh greim air a cridhe bochd, brùite. Bha i ré bhliadhnachan mar so gun rùn aice neach air bith fhaicinn. Gu cinnteach ré na h-ùine sin bha a seann leannain ’g a taghal, ’s a’ feuchainn ri h-inntinn a thogail ’s a cridhe a bheothachadh, ach bha ’n aon fhreagairt aice do gach h-aon dhiu—“Cha ’n ’eil mi fhathast sgìth de ’n éideadh bhròin.” Mu dheireadh thog a cridhe beagan, agus thoisich i ri tlachd a ghabhail ann an sunnd is fearas-cuideachd gus mu dheireadh an rachadh i a dhannsadh, ’s an seinneadh i òrain mar a b’ àbhaist dhi anns na bliadhnachan a dh’ fhalbh. [TD 50] Cha robh am measg a cuid leannan—’s bu lionmhor iad—fear a chuireadh i air thoiseach air Mac Leòid Hùisinis, agus mu thrì bliadhna an deigh an sgeòil a chual i gu ’n robh an Caimbeulach an grunnd a’ chuain, thug i a làmh dha, le làn chead a h-athar agus a càirdean, agus chaidh là na bainnse a shocrachadh. Chaidh ullachadh fuathasach a dheanamh air son na bainnse. Bha deoch gu leòir de gach seòrsa ri bhi ann, oir ’s i fior bhanais shunndach a bha ri bhi ann an Tigh Mharabhaig, a mhaireadh seachdain co dhiu, agus bha am ministear air tighinn seachdain roimh laimh a dh’ ionnsaidh an tighe. Fad ceitheir laithean roimh ’n bhanais shéid gaoth mhor as an àirde deas agus bha h-uile coltas oirre a bhi righinn. Cha b’ urrainn a bhi na b’ fheàrr, oir bha dibhe Fear Mharabhaig a’ fàs gann, ach chuir a’ ghaillionn o ’n deas long mhór a stigh air son fasgaith do Loch Shìthphort, agus o fhear na luinge fhuair Fear Mharabhaig na bha dhìth air de dheoch de gach seòrsa. Bha e cho taingeil an deoch fhaotainn gu ’n tug e cuireadh do sgiobair na luinge agus do ’n chomh-sheòladair a b’ fhaisge dha tighinn a dh’ ionnsaidh na bainnse. Thàinig iad agus bha an sgiobair mar a bhuineadh dha ann an deise ghrinn le bainn-duirn òir air muillicheannan a chòta, ach cha robh am fear a bha leis ach an éideadh seòladair—ged a bha e ’na dhuine pearsanta, mu dheich-bliadhna-fichead a dh’ aois. [TD 51] Bha a leithid de shluagh aig a’ bhanais gu ’m b’ fheudar dhaibh an sabhul a chur an òrdugh air son a’ phòsaidh, agus chaidh iarraidh air na h-uile an rathad a dheanamh a stigh mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad. Bhrùchd iad a stigh, ach chaidh an sgiobair agus an seòladair fhàgail a mach. ’N uair thug daoine an aire gu ’n deachaidh na coigrich ’fhàgail a mach, dh’ eirich dithis a bha ann am broilleach na cuideachd agus thug iad an aiteachan do ’n sgiobair agus d’ a chompanach, agus fhuair iad mar so le chéile priomh àite aig a’ bhanais. Is gann a ghabh iadsan an àiteachan ’n uair thainig bean-na-bainnse le ’maighdeannan a stigh, agus aig an sàil bha fear-na-bainnse ’s a chuid fhleasgach. Bha bean-na-bainnse air a sgeadachadh ann an sìoda cho geal ri sneachd na h-aon oidhche, ’s i ag amharc mar aingeal air thalamh. Thog a’ chuideachd iollach àrd air a son agus bha am ministear dol a thòiseachadh na seirbheis ’n uair a chuir an seòladair, a bha ’n a sheasamh dìreach mu choinneamh bean-na-bainnse, grabadh air, ag ràdh—“A mhnathan-uaisle ’s a dhaoin’-uaisle, ’s e mo bheachd gu ’n d’ fhuair sibh uile cothrom air ar gean-math a nochdadh do bhean-na-bainnse le ar tiodhlacan; cha d’ fhuair mise cothrom gus a so, agus tha mi ’n dòchas nach gabh i gu h-olc e ma nochdas mi mo ghean-math agus mo ghaol dìleas dhi leis an tiodhlac bheag so”—agus aig a’ cheart àm shìn e litir do bhean-na-bainnse. Ghabh i an litir ás a laimh agus air dhith na bha innte fhaicinn, [TD 52] ghlaodh i mach—“O Ghilleasbuig! a Ghilleasbuig! mo ghaol thu de shluagh an domhain,” agus chuir i a dà laimh mu mhuineal gus an do theab i a thacadh. Cha ruigear a leas ìnnseadh gur e bh’ anns an litir an t-snaoim shìoda a thug i d’ a leannan am feasgar air an do dhealaich iad ochd bliadhna roimhe sin. Bha Màiri ’s a seann leannan an Caimbeulach (oir ’s e bh’ ann) ’s an làmhan mu mhuineil a chéile car tacan, an sin labhair ise ann an cainnt shocair dhiongmhalta agus thubhairt i gu ’n robh i làn thoileach a ceud ghealladh a chumail do leannan a gaoil Gilleasbuig Caimbeul ’s gu ’n robh fhios aice nach cuireadh a h-athair grabadh anns a’ phòsadh. Fhreagair Fear Mharabhaig gu ’n d’ fhuiling e gu leòir cheana air son mar a rinn e, agus gu ’n robh e làn thoileach gu ’n gabhadh gnothaichean an cùrsa nàdurra oir b’ e bheachd gur e ’m Freasdal féin a dh’ òrduich na cùisean. Shìn Mac Leòid na h-Earradh a làmh d’a sheann chompanach agus chuir e fàilte chridheil air, agus rinn e comh-ghàirdeachas leis gu ’n tàinig e ann an am cho sealbhach a ghlacadh làimh leannan a chridhe, Màiri nic Leòid. An sin thuirt Fear Mharabhaig o ’n a bha a’ chuideachd cruinn ’s am ministear an sin, nach robh e faicinn c’ ar son nach rachadh am pòsadh air aghaidh, agus gun ghuth mòr gun dhroch fhacal cheangail am ministear ri chéile, le a theanga, Gilleasbuig Caimbeul agus Màiri nic Leòid, leis an t-snaoim sin nach fuasgail fiacail. Ré na h-ùine so bha Fear Hùis- [TD 53] inis ’na sheasamh gu diùididh ann an oisinn, dall, balbh, bodhar leis na thàinig air a dh’ aon latha. Air do ’n phòsadh a bhi seachad chum fear-na-bainnse a’ chuideachd air dòigh ag aithris sgeulachdan air a chaol-thearnaidhean ré nan ochd bliadhna a bha e a’ seòladh agus air na seallaidhean iongantach a chunnaic e ann an tìrean céin ré na h-ùine sin. Dh’ innis e cuideachd gu ’n robh e fhéin air an t-soitheach a thàinig do Loch Shìthphort a thrì bliadhna ’n ama sin ’s gu ’n robh e ann an Tigh Mharabhaig leis a’ ghrunnan sheòladair a thog, ’s a dh’ innis, an sgeul gu ’n deachaidh esan a bhàthadh. B’ e ’n t-aobhar air son an d’ aithris e ’n sgeul bréige sin a dh’ fheuchainn an robh a leannan fhathast dìleas dhàsan, oir leis gu ’n robh a h-athair beò bha eagal air e féin a leigeil ris dhi. Bhòidich e dhaibh, agus rinn an sgiobair a leithid eile gur e ’n doineann a chuir a stigh iad dà latha roimhe sin a dh’ iarraidh fasgaith ann an Loch Shìthphort. Cha ruigear leas ìnnseadh gu ’m b’ fheudar do ’n luing seòladh gun Ghilleasbuig Caimbeul, ris an abrar o ’n latha sin Fear Mharabhaig. O ’n chàraid chliùitich so thainig Caimbeulaich na h-Earradh, Leòghais, Uibhist, agus an Eilein Sgitheanaich, agus bha móran de ’n dream iomraideach ’nan latha ’s ’nan linn. [TD 54] CLOINN MHIC CRIOMAIN AN DUIN. Có nach cuala iomradh air na pìobairean ainmeil so—Cloinn Mhic Criomain Dhuin-bheagain. Fad iomadh linn bha iad ’nam pìobairean aig cinn-fheadhna nan Leòdach. Ciod air bith àite ás an tàinig iad tha iad r’am faotainn anns an Eilean Sgitheanach o chionn còrr is dà cheud gu leth bliadhna. Tha e coltach gur e cruitear a bh’ anns a’ cheud fhear de ’n ainm, agus a réir beul-aithris bha e ’na fhear-ciùil ainmeil ’na linn féin. B’ e a cheud fhear dhiu a fhuair urram mar phìobaire, Iain Odhar. B’ esan a b’ athair do Dhòmhnull Mór, a bha ainmeil am fad ’s am fagus mar fhear-ciùil. Chuir Mac Leod e a dh’ Eirinn a dh’ ionnsaidh nan sgoilean-ciùil ainmeil a bha ’san dùthaich sin. Bha bràthair aig Dòmhnull Mór, a bha claon-shùileach, a fhuair mar fhar-ainm Pàdruig Caogach. Bha esan a chòmhnaidh ann an Gleann-seilg a bhuineadh ’san àm so do theaghlach Dhuin-bheagain. Tha e coltach gu ’n deachaidh Pàdruig agus a chomh-dhalta ann an Cinn-t-sàile thar a chéile. Uaireigin ’na dhéigh so thuit do Phàdruig cromadh a ghlanadh aodainn ann an alltan, agus ghabh a chomh-dhalta fàth air agus leon e gu bàs e. Thàinig so gu cluasan Dhòmhnuill Mhóir an Dun-bheagain agus rinn e suas inntinn gu ’n ruigeadh e Cinn-t- [TD 55] sàile ’s gu ’n tugadh e mach tòrachd air son a bhràthar. Thug e a phìob-mhór a dh’ ionnsaidh Mhic Leòid agus thilg e siod i. Chuir so iongantas air Mac Leòid agus dh’ fheòraich e ciod a bu chiall d’ a siod. Dh’ innis Dòmhnull Mór an sgeul a chual e, agus gheall Mac Leòid na ’m fanadh Dòmhnull Mór aig an tigh, gu ’m faiceadh esan an ceartas deante an taobh a stigh de bhliadhna. Shaoil leis gu ’m fuaraicheadh fuil Dhòmhnuill, ’s nach bitheadh guth tuille mu ’n chùis, ach cha do thuig e cho dìreasach ’s a bha Dòmhnull. Bliadhna an déigh mort a bhràthar thog Dòmhnull Mór air do Ghleann-seilg gun facal a ràdh c’ àite ’n robh e dol. ’N uair ràinig e sin chual e gu ’n robh am fear air an robh e an tòir an Cinn-t-sàile agus lean e sin e. Bha am mortair ’g a fhalach féin ann an tigh caraide, agus ged a bha fhios aig muinntir a’ chlachain far an robh e, cha bhrathadh iad e, agus chuir so a leithid de dhorran air Dòmhnull Mór gu ’n do chuir e teine ri cuid de na taighean, agus chaidh aon no dhà a losgadh gu bàs. Theagamh gu ’m b’ e ’n tuiteamas so a b’ aobhar do ’n phort ainmeil ris an abrar “Lasan Phàdruig Chaogaich.” An déigh so b’ fheudar do Dhòmhnull Mór a chasan a thoirt ás, agus rinn e a rathad do Dhùthaich Mhic Aoidh, far an d’ fhan e greis fo thearmunn a’ Mhorair Maghrath * air an robh e seann eòlach. * Morair Maghrath—Ceann-cinnidh Chlainn Aoidh. [TD 56] ’N uair a chuala Fear Chinn-t-sàile mar a loisg Dòmhnull Mór na taighean thairg e suim airgeid do neach air bith a ghlacadh Mac Criomain, agus chuir e pasgan dhaoine an toir air, ach thill iad mar a dh’ fhalbh iad. Ghabh Dòmhnull Mór an t-eagal, agus thug e gu allaban am measg nam beann ’s nan gleann, a’ taghal an déigh bheul na h-oidhche air a charaid Mac Aoidh—Morair Maghrath, a chomhairlich dha e féin earbsa ri h-aon de chìobairean-san far am bitheadh e teurainte. Ghabh Dòmhnull Mór a chomhairle, agus rinn an cìobair crùba * dha ’na thigh far nach biodh fhios aig duine gu ’n robh e ’san fhàrdaich. Thuit gur i nighean do Fhear Chinn-t-sàile bha pòsde ris a’ Mhorair Maghrath aig an àm so, agus mar so chuala Mac Coinnich gu ’n robh Dòmhnull Mór ’g a fholach féin le h-aon de chìobairean Mhic Aoidh, agus chuir e a mhac, agus dà fhear dheug air a thòir, chum a ghlacadh. Bha an latha fuathasach fliuch, agus mar so thuit do Dhòmhnull Mór a bhi aig an tigh ’n uair a bha am prasgan so a’ teannadh air tigh a’ chìobair. Thuit gu ’n do mhothaich bean a’ chìobair dhaibh a’ tighinn, agus thug i rabhadh do ’n phìobaire. Thug Dòmhnull Mór a’ chrùba air, agus chuir bean-an-taighe braidseal teine air meadhon an ùrlair, a gharadh ’s a thiormachadh a’ phrasgain a bha ’n tòir air a’ Phìobaire. Thug i cuireadh do na seòid suidhe mu ’n teine, ghabh i am * Crùba—leabaidh aimh-leathann anns a’ bhalla. [TD 57] breacain, a bha bog fliuch, agus sgaoil i iad air ròpa a bha eadar a’ chrùba ’s an teine, agus mar so bha e comasach do Dhòmhnull Mór a rathad a dheanamh o ’n chrùba gus a’ bhlàr-a-mach, gun fhios do dhuine, ni a rinn e ’n uair a thug bean a’ chìobair sanas dha gu ’n robh an rathad réidh. Cha do ghabh so uile mòran ùine, ’s bha sin cho math, oir cha robh na seòid fada mu ’n teine ’n uair dh’ fheòraich Mac Coinnich òg Chinn-t-sàile c’ àite ’n robh Mac Criomain am falach. “Cha ’n aithne dhomh c’ àite bheil e,” fhreagair bean-an-taighe; “chuala mi gu bheil t’ athair a’ tairgseadh slaim mhóir airgeid air a shon, ach bho nach do thuit dha tighinn a’m rathad tha mise fhathast cho bochd ’s a bha mi.” ’Na dhéigh so bha conaltradh fada eadar i fhéin agus Mac Coinnich òg mu Dhòmhnull Mór, agus ’s e dh’ éirich ás gu ’n d’ òrdaich e an tigh a rannsachadh, rud a rinn iad air bheagan buannachd. Lean an t-uisge air sileadh, dh’ éirich a’ ghaoth, gus an robh— “An oidhche nis air fàs ro shalach, Bhrùchd na tuiltean troimh na gleannaibh, Fhreagair creag is beinn le farum Fuaim na gaillinn air an raon.” Mar so cha robh e duilich impidh a chur air na fearaibh fuireach far an robh iad fad na h-oidhche, agus air dhaibh greim bìdh itheadh ghabh iad uile mu thàmh. Bha bean-an-tighe gleusda. Chuir i Mac Coinnich a laidhe ann an leabaidh leis fhéin [TD 58] ann an oisinn de ’n fhàrdaich far an ruigteadh air gun an còrr a dhùsgadh. ’N uair a bha iad uile ’nan suain, thug i sanas do Dhòmhnull Mór a shèap a stigh agus air dha airm nan seòid a thional chuir e ’nan aon thòrr iad aig ceann leapa Mhic Coinnich, agus shnàg e as, gun fhios a bhi aig anail bheò gu ’n robh e stigh. ’N uair a dhùisg Mac Coinnich anns a’ mhadainn ’s a chunnaic e mar bha, ghairm e air a’ chompanaich ag ràdh—“Air ar sonsa dheth dh’ fhaodainn a bhi glan mharbh. Ma tha Dòmhnull Mór Mac Criomain beò, ’s e rinn so, agus bha e cho furasda dha làmh a chur am bheatha ri so a dheanamh.” ’N uair dh’ éirich na seòid ’s a chaidh iad a mach chunnaic iad Mac Criomain a’ sràideamachd air taobh eile na h-aimhne, le claidheamh ’na laimh. Aig faicinn an duine air an robh iad an tòir cho teann orra, bha iad bràth bhi nunn g’ a ghlacadh, ach bhagair Mac Coinnich urchair a chur anns a’ cheud fhear aig an robh a dh’ anam corrag a chur air Mac Criomain. Chaidh esan an sin cho teann air Mac Criomain ’s a leigeadh an amhainn leis, agus dh’ iarr e air tighinn a nall. “Cha tig,” fhreagair Dòmhnull Mór, “tha e cho furasda dhuit-sa tighinn an taobh a tha mise ’s a tha e dhòmhsa dol an taobh tha thusa.” “Ma thig thu nall,” ghlaodh Mac Coinnich, “bheir mi m’ fhacal nach leagar corrag ort.” “Cha ’n fhoghainn sin,” fhreagair Mac Criomain, “cuir na fir fo mhionnan, ’s gabhaidh mi t’ fhacal féin.” Chaidh so a dheanamh [TD 59] agus thàinig Mac Criomain a nall. Dh’ fheòraich Mac Coinnich dheth am b’ esan a rinn an tòrr arm aig ceann a leapa ré na h-oidhche, agus air dha aideachadh gu ’m b’e, “Mata,” arsa Mac Coinnich, “b’ fhurasda dhuit làmh a chur am bheatha aig an àm ud; air an aobhar sin geallaidh mi dhuit gu ’m feuch mi ri maitheanas fhaodainn dhuit ma bhitheas tu aig tigh m’ athar trì seachdainean o ’n diugh.” Chaidh so a shocrachadh agus thug Mac Coinnich air gu tigh a’ Mhorair Maghrath, far an d’ fhan e beagan làithean mu ’n do thog e air dhachaidh do Chinn-t-sàile, far an d’ innis e d’ a athair gach nì mar thachair. Beagan ’na dhéigh so ràinig Mac Criomain tigh a charaid, am Morair Maghrath, agus thuirt am Morair ris gu ’n rachadh e fhéin leis gu tigh ’athar-céile, agus air an latha a chaidh a shocrachadh, ràinig an dithis tigh fìdhleir Fear Chinn-t-sàile. Chaidh an cur a stigh do sheòmar beag a bha air bràighe na staidhreach, far an d’ fhàg am Morair Dòmhnull Mór, a’ dol ’na aonar do Thigh Chinn-t-sàile a dh’ fhaicinn Mhic Coinnich, ’athair-céile. Tha e coltach gu ’n d’ fhuair am fìdhlear am mach co bh’ aige agus chuir e fios air buidhinn bhig chum Dòmhnull Mór a ghlacadh ’s a ghiùlan gu Tigh Chinn-t-sàile agus an duais a bh’ air a cheann a thagradh. An déigh dha cùisean a shocrachadh chaidh am fìdhlear a suas an staidhir agus thuirt e ri Mac Criomain a bha an déigh a dhorus a chrannadh air an taobh a stigh, gu ’n robh bean-an-tighe an déigh geall a [TD 60] chur nach tigeadh Mac Criomain a nuas agus a chuid féin de bhotul òl leatha. Fhreagair Mac Criomain nach robh dad aige an aghaidh sin a dheanamh, agus a’ fosgladh a dhoruis thàinig e mach. Thuit gu ’n robh leis an fhìdhlear mac a b’òige Fear Chinn-t-sàile, a chunnaic Mac Criomain aon uair ’san Dùn, agus ghabh e cothrom an cagar so chur ’na chluais—“An e gu ’n rachadh tu sìos an staidhir agus làn an tighe a’ feitheamh gu d’ ghlacadh?” Cha d’ fheith Dòmhnull Mór ris a chòr, ach le aon bhuille chuir e am fìdhlear leis an staidhir, agus chrann e e-féin ’na sheòmar. Chaidh Mac Coinnich òg cho luath ’s a bha ’na chasan an tòir air a’ Mhorair Maghrath, agus thachair e air a’ tilleadh a Tigh Chinn-t-sàile agus dh’ innis e dha mar a bha cùisean a’ seasamh. Ghreas am Morair air agus ràinig e tigh an fhìdhleir ann an am beatha Dhòmhnuill Mhóir a thearnadh, oir bha iad bràth cuir ás dha, agus leubh e an litir-mhaitheanais a sgriobh Fear Chinn-t-sàile. Sgaoil na seòid, agus thug Mac Aoidh ’s Mac Criomain Tigh Chinn-t-sàile orra far an do chuir iad seachad oidhche chridheil còmhla. An ath latha thug Dòmhnull Mór aghaidh air an Eilean Sgitheanach, is ràinig e Dun-bheagain, far an do chuir e seachad an còrr de làithean ann an sìth. An déigh bàis Dhòmhnuill Mhóir b’e Pàdruig Mór a mhac a bu phìobaire ’san Dùn. Bha Pàdruig barraichte air ceòl-mór agus chuir e air dòigh móran phort de ’n ghnè chiùil so. Tha e [TD 61] air aithris gu ’n deachaidh e féin agus ochdnar mhac—òganaich cho cuimir ’s a sheas riamh air balt bròige—do’n eaglais aon Dòmhnach, agus mu’n d’ thàinig deireadh na bliadhna chaidh seachdnar dhiu a chàramh fo ’n fhòid ann an Cille-Mhoire. Is ann mu ’n am so a rinn e am port tiamhaidh “Cumha na Cloinne.” B’ e an t-aona mhac nach do chaochail, Pàdruig Og, air an dean sinn iomradh ’na dhéigh so. B’ e Pàdruig Mór a bu phìobaire do Ruairidh Mór a bha làthair eadar 1596 agus 1626. ’N uair a chaochail Ruairidh Mór chaill an Dùn gach àgh, agus cha b’ urrainn do Phàdruig Mór fanachd taobh a stigh de bhallachan. Ghleus e a phìob ’s thog e air do Bhoirearaig a’ cluich a’ phuirt thiamhaidh sin “Cumha Ruairidh Mhóir.” Ar leis an fheadhainn a chual e gu ’n robh a phìob ag aithris gu tùchanach, brònach— Tog orm mo phìob is théid mi dhachaidh; Is truagh leam fhéin mo léir mar thachair; Tog orm mo phìob ’s mi air mo chràdh Mu Ruairidh Mór, mu Ruairidh Mór. Tog orm mo phìob, tha mi sgìth, ’S mur faigh mi i théid mi dhachaidh; Tog orm mo phìob, tha mi sgìth, ’S mi air mo chràdh mu Ruairidh Mór. Tog orm mo phìob, tha mi sgìth, ’S mur faigh mi i théid mi dhachaidh; Clàrsach no pìob cha tog mo chrìdh’ Cha bheò mo ghràdh-sa Ruairidh Mór. [TD 62] Cha ’n e mhàin gu ’n robh Pàdruig Mór ’na phìobaire aig Ruairidh Mór ach bha e ’na phìobaire aig mac Ruairidh, Iain, a chaochail ’sa bhliadhna 1649, agus do mhac Iain, Ruairidh, a bha aig cath iomraideach Worcester anns a’ bhliadhna 1651. Tha cuid ag ràdh gu ’n deachaidh am pìobaire fhàgail leth-ruisgte an déigh a’ chath so, ’s gur ann a sin a rinn e ’m port, “Is fada mar so tha sinn.” Tha cuid eile ag ràdh gur h-e Dòmhnull Mór Mac Criomain a rinn am port ’n uair a bha e ann an Dìthaich Mhic Aoidh ’na fhògarach. Ann an linn Righ Teàrlaich a dhà chaidh Ruairidh Mór an Dùin a Lunnainn a nochdadh ùmhlachd do ’n Righ. Thug e leis a phìobaire Pàdruig Mór a thugadh an làthair an Righ, far an do chluich e cuairt. Bha an Righ cho toilichte, ’s gu ’n do cheadaich e do ’n phìobaire a làmh a phògadh, urram nach do chuireadh riamh roimhe sin, no theagamh ’na dhéigh, air pìobaire. ’S ann air a chòmhail iomraideach so a chur e r’ a chéile am port nuallanach uaibhreach sin ris an abrar “Thug mi pòg do làmh an Rìgh.” So cuid de na facaill tha ceangailte ris an Fhàilte— Thug mi pòg, is pòg, is pòg, Thug mi pòg do làimh mo Rìgh; Cha do chuir gaoth an craicionn caorach, Fear a fhuair an fhaoilt ach mi. Is e Pàdruig Og, mac Phàdruig Mhóir, a bu phìobaire san Dùn an déigh ’athar. Cha ’n e [TD 63] mhàin gu ’n d’ rinn e móran phort ach bha e ainmeil mar fhear-teagasg pìobaireachd. Bha e pòsda dà uair, agus bha fichead duine cloinne aige, ged nach d’ thàinig ach triùir dhiubh—Iain, Dòmhnull Bàn, agus Fearchar—gu làn aois. Am measg na fhuair fòghlum bho Phàdruig Og bha Iain Dall Mac Aoidh, pìobaire Ghearr-loch. Air do dh’ Iain Dall a chluinntinn gu ’n do chaochail Pàdruig Og rinn e cumha tamhaidh dha. Goirid ’na dhéigh so thuig e nach robh an sgeul a chual e fior, agus thug e sgriob do Dhùn-bheagain a dh’ fhaicinn a shean fhear-teagaisg. Am measg nam port a chluich e ’san Dùn, bha an “Cumha” a rinn e do Phàdruig Og. Dh’ fheòraich Mac Criomain dheth ciod an cumha a bh’ ann, no c’ àite ’n cual e ’m port tiamhaidh sin. Mu dheireadh dh’ aidich Iain Dall gu ’m b’ e cumha a bh’ ann a rinn e do Phàdruig òg. “Is neònach an rud a th’ ann,” arsa Pàdruig, “Cumha Phàdruig Oig ’s e féin beò fhathast, ach ’s fheudar dhomh ionnsachadh.” Is e Pàdruig Og so agus Iain Dall a rinn am port ris an abrar “Am Port-leathach.” Rinn an darna fear an “t-ùrlar” is chuir am fear eile crìoch air a’ phort. ’N uair a chaochail Pàdruig Og, bha a mhac a bu sine, Iain, ’na phìobaire aig Iarla Shìthphort, agus mar sin b’ e an darna mac, Dòmhnull Bàn, a bu phìobaire an Dùn-bheagain an déigh ’athar. B’esan a bu phìobaire am “Bliadhna Thearlaich,” agus ’n uair a chaidh Mac Leòid Dhùin-bheagain a mach [TD 64] leis an Arm Dhearg bha chuid a bu lionmhoire de ’n chinneadh ’nan cridheachan le Teàrlach, agus na ’m b’ urrainn iad, b’ esan a leanadh iad. B’ anns an rùn so bha Dòmhnull Bàn Mac Criomain. Mu ’n d’ fhàg e Dùn-bheagain chaidh a chur air mhanadh nach tilleadh e beò, agus chreid e so, oir rinn e am port ainmeil sin “Cumha Mhic Criomain,” agus chluich e ’s e fàgail an eilein— “Cha till, cha till, cha till mi tuille, Ged thilleas Mac Leòid, cha bheò Mac Criomain.” Anns a’ cheud bhlàr anns an robh e—Ruaig na Mòighe—thuit e, agus b’ e an t-aon duine a mharbhadh anns an tuasaid sin. Tha e air a ràdh gu ’n robh leannan aig Dòmhnull Bàn ’san Dùn, agus tha beul-aithris ag ràdh gu ’n do chuir ise r’ a chéile na rannan a leanas, a tha co-fhreagairt ri puing a’ phuirt a chluich Dòmhnull Bàn ’s e fàgail an Dùin— Dh’ iadh ceò nan stùc mu aodann Chuilinn Is sheinn a bhean-shìth a torman mulaid; Tha sùilean gorm ciùin ’san dùn a’ sileadh O ’n thriall thu bhuainn ’s nach till thu tuille. Cha till, cha till, cha till Mac Criomain, An cogadh no sìth cha till e tuille; Le airgiod no nì cha till Mac Criomain, Cha till e gu bràth gu là na cruinne! Tha osag nam beann gu fann ag imeachd, Gach sruthan ’s gach allt gu mall le bruthach; Tha ianlaidh nan speur feadh gheugan dubhach A’ caoidh gu ’n d’ fhalbh ’s nach till thu tuille. [TD 65] Tha ’n fhairge fa-dheòidh làn bròn is mulad, Tha ’m bàta fo sheòl ach dhiùlt i siùbhal; Tha gàir nan tonn le fuaim neo-shubhach, Ag ràdh gu ’n d’ fhalbh ’s nach till thu tuille. Cha chluinnear do cheòl ’san Dùn mu fheasgar ’S mac-talla nam mùr le mùirn ’g a fhreagairt; Gach fleasgach is òigh gun cheòl gun bheadradh O ’n thriall thu bhuainn ’s nach till thu tuille. Tha e coltach mu ’n àm so gu ’n robh dà phìobaire de ’n teaghlach ainmeil so a’ tuineachadh ’san Dùn. Ged a dh’ fhalbh Dòmhnull Bàn mar a chunnaic sinn leis an Arm Dhearg, dh’ fhàg e a bhràthair a bu sine, Calum, aig an tigh ann am Boirearaig. Dh’ fhàg Calum dà mhac, Iain Dubh agus Dòmhnull Ruadh. Is e am beachd coithcheann gu ’m b’ e Iain Dubh am fear mu dheireadh de ’n teaghlach ainmeil so a bha ’na phìobaire ’san Dùn. Chaochail Dòmhnull Ruadh gun sliochd fhàgail. Bha Iain Dubh pòsda dà uair, agus rugadh dha dà-dhuine-deug cloinne—ochdnar leis a’ cheud mhnaoi agus ceathrar leis an darna té. A réir “Leabhar Pìobaireachd” Aonghais Mhic Aoidh, dh’ fhàg Iain Dubh Dùn-bheagain ’sa bhliadhna 1795 ’s e an geall air seòladh do America á Grianaig. Tha e coltach gu ’n do ghabh e an t-aithreachas agus gu ’n do thill e air ais do ’n eilean Sgitheanach, far an do chaochail e ’sa bhliadhna 1822, aig aois aon deug agus ceithir fichead bliadhna. ’N uair nach b’ urrainn dha le laigsinn na h-aoise, a’ phìob-mhor a chluich, [TD 66] shuidheadh e an lagan fasgach ri cùl gaoithe ’s ri aodann gréine, le bata ’na làimh, agus a’ ruith thairis air le ’mheuraibh, ag aithris le crònan muladach nam port a b’ àbhaist dha ’chluich ’na òige. Chuireadh fo ’n fhòid e maille r’ a shinn-siribh ann an cladh Chille Mhoire. [TD 67] COINNLEIREAN NA CEAPACH. THUIT do Alasdair nan Cleas, Fear na Ceapach, dol air sgrìob do Shasunn agus fhuair e cuireadh dol a thaghal air Iarla a bha làn beartais, agus aig an robh moran phìos, a chaidh a sgaoileadh a mach air a’ bhòrd le uaill is spaglainn. ’N am measg bha dà choinnleir airgeid a chaidh a mholadh gu mór leis na h-aoidhean, agus mu ’n robh fear-an-tighe ro phroiseil. Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann chuala Fear na Ceapach cuideiginn a’ cagarsaich mu bhochdainn na Gàidhealtachd, agus ma ’s fhior nach do ghabh e moran suim de na coinnleirean luachmhor mu ’n robh daoine a’ labhairt. Eadar fheala-dha ’s dà-rìreadh ars’ esan, “Tha na’s luachmhoire agam aig an tigh.” Cha do chòrd so idir ris na Sasunnaich, oir b’ e am beachd nach robh ’sa Ghàidhealtachd ach dùthaich bhochd, agus nach robh anns na Gàidheil ach daoine borba, air an claoidh leis an fhuachd ’s leis an acras, agus a’ còmhnaidh ann am bothain dubha anns an robh snithe ’s tighinn-fodha ré leth na bliadhna. Chuir na Sasunnaich slaim mhór airgeid an geall nach robh coinnleirean anns a’ Ghàidhealtachd a sheasadh air an aona bhòrd ris na coinnleirean aig fear-an-tighe. Mu dheireadh chuir iad Alasdair nan Cleas chuige cho mór ’s gu ’n do chuir e ’oigh- [TD 68] reachd an geall na ’n tigeadh dithis de ’n chuideachd g’ a fhaicinn an Loch-abar gu ’n cuireadh e dà choinnleir ’nan làthair a dh’ aidicheadh iad a bha fada air thoiseach air aon choinnleir a chunnaic iad riamh. An déigh beagan sheachdainean thog an dà Shasunnach orra gu Loch-abar, agus iad anns an làn bheachd gu ’m buidhinneadh iad an geall, oir b’ e ’m beachd nach robh de dh’ airgiod no de dh’ òr ’sa Ghàidhealtachd na dheanadh dà choinnleir coltach ri feadhainn an t-Sasunnaich. ’N uair a ràinig iad Loch-abar chaidh an stiùradh gu Tigh na Ceapach; ach an àite Caisteal mor fada, farsuing mar a shaoil leò a chitheadh iad ’s e bh’ ann tigh coltach ri sabhull mòr gun chumadh gun eireachdas. An uair a ràinig iad dorus an tighe neo-shnasmhoir so chuir Alasdair nan Cleas fàilte chridheil orra, agus ’n uair a shuidh iad aig bòrd bha roghadh is taghadh bidh air am beulaibh—bradan tàrr-gheal á Lòchaidh, staoicean sithinn á frìth a’ Ghlinn-Ruaidh, cearcan-fraoich, coilich-dhubha, cabair-choille, agus tàrmachan, gun tighinn air muilt-fheòil bhruich is ròiste. A bharrachd air so uile bha uisge-beatha ’s fìon gun ghainne air a’ bhòrd. Chuir an ròic ioghnadh nach bu bheag air na Sasunnaich; ach c’ àite ’n robh na coinnleirean? Thug Fear na Ceapach an aire de spleadhmas nan Sasunnach, agus thubhairt e riu gu ’n tigeadh na coinnleirean air lom an uine gheàrr, agus beagan ’na déigh sin, air dha sanas sonraichte thoirt d’ a luchd-tighe, steòc a [TD 69] stigh dà Ghàidhail foinnidh deas, àrd, anns an éideadh Ghàidhealach, gach fear dhiu a’ giùlan ’na làimh dheis leus de ghiuthas ròiseideach, agus le ceum uaibhreach rinn iad cuairt mu ’n bhòrd, agus ’na dhéigh sin sheas fear dhiu air gach taobh de ’n ceann-cinnidh, Fear na Ceapach, aig ceann a’ bhùird. Dh’ aidich na Sasunnaich gu ’n do bhuidhinn Fear na Ceapach an geall, ach dhiùlt Alasdair nan Cleas aon sgillinn deth a ghabhail, ag ràdh gu ’n robh e làn-riaraichte le bhi faicinn nach robh ac air bith aca nach b’ iad na coinnleirean Gàidhealach a bu luachmhoire ’s a b’ eireachdala na ’n fheadhainn a bh’ aig an caraid an Sasunn. Dh’ fhuirich na Sasunnaich fad seachdain an Loch-abar, agus ’n uair thill iad dhachaidh cha deachaidh sgur orra ach a luaidh air an aoidheachd a fhuair iad o Fhear na Ceapach, agus an caoimhneas a chaidh a nochdadh dhaibh ann an Tìr nam Beann. [TD 70] MAC IAIN SHROIN-AN-T-SÌTHEIN. AIR do na Caimbeulaich Oighreachd Ard-nam-murchann, a spìonadh le fòirneart o Chloinn Iain, bha ceann-teaghlaich de ’n chinneadh sin, Raonull Glas fear Shroin-an-t-Sìthein, a chum a chuid fearainn aimsir an déigh d’ a chàirdean gu léir geilleachdainn. Mu dheireadh chuireadh buidheann làidir gu cur ás da. Fo dhubhar na h-oidhche chuairtich iad an tigh. Bha an seann laoch gaisgeil ’na aonar, gun fhear-còmhnaidh dlùth dha, gun neach a b’ urrainn cuideachadh leis, ach a mhac Raonull Og, ’s gun esan ach coig-bliadhna-deug a dh’ aois. Bha dorus air gach taobh de ’n tigh, agus chuir e a mhac a dhìon an doruis-chùil; ach cho luath ’s a dh’ fhàg athair e, thug an t-òganach a chasan as. ’N uair a chunnaic an gaisgeach gun tiomadh gu ’n d’ fhàgadh air a laimh fhéin e—“mar a bha ’n ceàrd ’s a’ chaonnaig”—smaoinich e nach robh feum fuireach na b’ fhaide; ach ged bu chruaidh a bhi air fhògairt le ainneart bho làraich a shinnsir agus an tigh ’san deachaidh ’àrach, ’s e chràidh a chridhe, gu ’n do thréigeadh e ’na fheinn, le ’mhac, mar ghealtaire nach b’ airidh air ainm nan treun bho ’n d’ thàinig e. Ged a bha ’n tigh air a chuartachadh le naimhdean gamhlasach, ghlac e ’chruaidh-lann ’na dhòrn, ’s a mach a bha e. Gheàrr [TD 71] e rathad troimh ’luchd mì-rùin ’s thog e air do Mhùideart, gu Mac-mhic-Ailein. Chaidh trì bliadhna seachad ’s cha chualas ciod a thachair d’ a ’mhac, Raonull Og. Bha ’chridhe fo iomagain mu dheighinn. Bha e ’crìonadh mar dharaig aosda ’na aonar, gun neach dlùth dha a sheasamh r’ a ghualainn, a’ cuimhneachadh nan làithean a dh’ fhalbh—na làithean ’s an robh a chàirdean ’s a theaghlach mu ’thimchioll-san; lasadh ’aigne le sòlas a’ smaoineachadh gu ’m faiceadh e ’n tràth ’s an seasadh a mhac ’na àite, toilltinneach air cliù agus onair nan gaisgeach calma air an d’ainmicheadh e; ach, mo chreach! bha atharrachadh air a’ chùis bho ’n uair sin—bha e nis gun chàirdean, gun teaghlach, gun fhearann, gun mhac. Bha chùis mar so ’n uair a thàinig Raonull Gallda a dh’ agairt a chòrach an aghaidh a bhràthar, Iain Muideartach. Chruinnich Clann-Raonuill as gach ceàrna gu Caisteal Tioram, le làn rùn gu ’n seasadh iad le Iain Muideartach “a dh’ aindeoin có theireadh e.” Bha Raonull Glas ’s a’ chòmhal mar chàch, agus air teannadh dha ri dol fo armachd thug e sùil mu ’n cuairt, agus chunnaic e òganach àillidh ’na sheasamh ri ’thaobh a’ ceartachadh a chuid arm. Chlisg a chridhe ’na chliabh air toirt an aire co bh’ ann. Air dhaibh dealachadh trì bliadhna roimhe sin cha robh ’na mhac ach glas-ghille. Bha e nis ’na làthair air fàs a suas mar fhiùran gun mheang; agus có ’n cridhe athar nach togadh le aoibhneas na ’n tachradh dhaibh ’bhi ’san [TD 72] t-seasamh sin? Ach chuimhnich Raonull Glas air an oidhche ’theich a mhac, agus chum e air féin. Thug e sùil air an òganach agus thubhairt e—“’S coma leam fhéin an rud a bhiodh ann armachd a’ ghill òig ’s e teicheadh.” Tuillidh cha dubhairt e, ’s ged a b’ fhuar an fhàilt i bho bheul athar, cha do ghabh an t-òganach air gun cual’ e i. Thog Iain Muideartach ’s a ghaisgich orra, choinnich iad Raonull Gallda ’s na Frisealaich aig ceann Loch-Lòchaidh far an do chuir iad an cath fuileachdach ris an abrar “Blàr nan Léine.” Thachair Raonull Gallda agus Raonull Glas air a chéile ’s a’ chomhstrì, ach ged a b’ ainneamh air cùl claidheamh làmh bu tréine na Raonull Glas, bha Raonull Gallda ’faighinn buaidh air. Leònadh ’s a’ cheann e, agus theann e ri dol air ais. Chunnaic a mhac, Raonull Og mar a bha chùis. Leum e far an robh iad agus thubhairt e—“’S coma leam fhéin an rud a bhiodh ann, ceum air ais an t-seann duine; ach so mar bu chòir a bhi ann, am mac a’ dol an ionad an athar.” ’S an ionad athar chaidh e. Bu ghoirt a’ ghreis a thug na laoich; an làmh bu taise bu deacair ìnnseadh. Cha robh mhiann air Raonull Og a nàmhaid a thorchuirt, ach leònadh leis an fhear eil’ e agus bha ’fhuil a’ taosgadh m’ a shùilean. Chunnaic e gu ’m feumadh an darna fear tuiteam, agus le rùn gun cheilg thubhairt e—“Cha bhi mi ’m foill duit, a dhuine thall, tha do nàmhaid air do chùl.” Shaoil le Raonull Gallda gu ’n robh a’ tighinn a thaobh a chùil air, agus ghrad thionnd- [TD 73] aidh e mu ’n cuairt, ach anns an tionndadh chuir buille bho chlaidheamh Raonuill Oig an ceann deth. Bhuannaich Clann Raonuill an latha. Cha d’fhàgadh beò de chóig ceud Frisealach neach a dh’ ìnnseadh sgeòil, agus de dhà cheud Raonullach cha robh beò ach aon-fhear-deug, agus gach aon diu leòinte. Air an dol dhachaidh do Mhùideart chuir iad seachad an oidhche ann an Gleann Fhionnain far an d’thàinig an càirdean ’nan coinneamh. Bha gach fear ag ìnnseadh nan gnìomh euchdach a rinneadh ’s a’ blàr, agus ri connsachadh mu dhéighinn co ’mharbh Raonull Gallda. Bha Raonull Glas agus a mhac ’nan laidhe air seid an ceann-uachdarach an tighe, ag éisdeachd ris na bha ri ràdhainn. “Eirich,” ars’ esan, “a mhic, agus cuir an tuagh air an t-samhaich cheart.” Dh’ éirich an gaisgeach agus labhair e—“Togaibh dheth, ’fheara, so an làimh a rinn an gnìomh. ’S i so lann an uasail sgairteil, agus b’ fheàrr leam dol a’ stigh air an darna ceann dith agus a mach air a’ cheann eile na ’n claidheamh sin a thoirt as an làimh ’san robh e mu ’n àm so ’n dé.” Mo chreach! b’ fheàrr nach robh na leanas r’a ìnnseadh. An àit’ a’ chliù agus an urraim a thoill e, ’s ann a ghabh iad fuath agus gamhlas ris. Ged nach robh chridh’ aca chur an céill gu follaiseach, smaointich iad, na ’m biodh làithean aig fear cho dàna ’s cho treubhach ris, gu ’n tugadh e bàrr air a chinneadh gu léir. Cha bu Raonullach a bh’ ann ach Iaineach, agus rinn iad suas cur as dà. Thug [TD 74] iad air an lighiche bha leigheas a chreuchd an gnìomh oillteil so a thoirt gu crìch le dealg a’ sparadh ’na eanachainn troimh lot a bha ’na cheann. Mar so mharbhadh am flath fearail; agus beagan laithean ’na dhéigh, bhris cridhe ’athar le bròn. Chuireadh an dithis ’san aon uaigh, ann an Eilean Fhionnain, far an robh r’ a fhaicinn ceud bliadhna ’na dhéigh sin claigeann Raonuill Oig, ’s an eag a dh’ fhàg faobhar a’ chlaidheimh ’na cheann, agus an toll a rinn an dealg ann. [TD 75] MAC DHONNACHAIDH IONBHAR-ATHA. B’ E Donnachadh, aon de mhic Nèill, Ridire Loch-odha, a bu cheann-teaghlaich do Chaimbeulaich Ionbhar-atha, agus air an aobhar sin theirteadh “Mac Dhonnachaidh” ri fear Ionbhar-atha. Tha Tigh Ionbhar-atha air a thogail air lèanag uaine aig bun Chruachain agus air bruaich Atha. Bha Fear Ionbhar-atha mu ’n àm air a bheil mi ’tighinn ’na dhuine grunndail tuigseach. Tha an naigheachd a leanas air a h-ìnnseadh air caochla dhòigh, ach ni mi ’h-aithris mar a chluinnear i anns a’ cheàrna sin de Earra-ghaidheal. Latha bha sin thuit do Mhac Dhonnachaidh Ionbhar-atha ’bhi gabhail sgrìob ri taobh na h-aibhne ’n uair a chaidh clisgeadh a chur air le fear ’s aodach ’na stròicean, ’fhalt m’a shùilean, a chasan cas-rùisgte a’ sileadh fala, ’anail ’na uchd ’s e ’grìosadh air a theasairginn bho a nàimhdean a bha teann an tòir air. Chuimhnich Fear Ionbhar-atha air an t-sean-fhacal, “Bheirinn cuid oidhche dhà ged a bhiodh ceann fir fo ’achlais,” agus thug e fhacal dhà nach deanamh esan a bhrath, agus air eagal ’s gu ’n robh a nàimhdean aig a shàil, dh’ iarr e air an duine thruagh esan a leanailt, agus rinn e rathad gu uaimh a bh’ ann an aodann Chruachain, a chaidh a leigeil fhaicinn dha le ’athair agus air [TD 76] nach robh fios aig duine beò ach Fear Ionbhar-atha. Cha robh ach aon rathad a gheibheadh duine a dh’ ionnsaidh a’ gharaidh so agus cha bu mhodha an toll a’ dhol a stigh na fosgladh gu broclaich chuimsich. Is iomadh duine treun a fhuair fasgath anns an uaimh so. Ged a bha beul na h-uamha cumhann bha farsuingeachd mhór innte ’n uair a gheibheadh duine a stigh. Bha i àrd, tioram, agus seasgair anns gach dòigh, ’na ceann a stigh bha fuaran fior-uisg’ cho milis bhlasda ri uisge Tobar Cailleach Beinn-a’-bhric. ’Nuair a bha Fear Ionbhar-atha gu falbh agus an ciomach truagh so fhàgail leis fhéin, thoisich fiaclan an truaghain air snagarsaich leis an eagal agus ghrìos e air Fear Ionbhar-atha gun fhàgail. Cha b’ urrainn do Mac Dhonnachaidh a leithid de chladhaireachd a sheasamh agus thug e chasan as cho luath ’s a b’ urrainn e, a’ gealltainn tilleadh gu luath le biadh agus le aodach-leaba. Bha Fear Ionbhar-atha a’ deanamh a rathaid dhachaidh gu socair ciallach ’n uair chunnaic e grunnan dhaoine is bhalach a’ ruith thall ’s a bhos mar gu ’m biodh iad an toir air ní-eigin. Dh’aithnich am fear a bha air an ceann Fear Ionbhar-atha, agus a’ dol an taobh a bha e, ars’ esan—“Ma thuiteas do Mhac Naoimhein tighinn an taobh a tha sibh air son tearuinnteachd, feuch nach toir sibh cuid oidhche dha oir tha e an déigh ar comh-dhalta a mhort.” Thàinig so mar chloich ás an athar air Mac Dhonnachaidh, chuir e ’na thosd e, is cha [TD 77] mhór nach deachaidh e seachad. Bha fhios aig an fhear a ghiùlain an sgeul, an gràdh a bh’ aig Mac Dhonnachaidh air a chomh-dhalta, ’s cha robh iongantas idir air mar a bha e air a chur mu ’n cuairt, agus mar sin ghabh e air aghaidh. Trom-chridheach, fann, agus sgìth, agus ’ga fhaireachdainn fhéin aosda agus aonaranach rinn Mac Dhonnachaidh a rathad dhachaidh mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh e. Bha smaointean feargach dioghailteach a’ strì ’na chridhe an aghaidh a’ gheallaidh a thug e do ’n mhortair a dh’ fhàg e ’san uaimh, agus ris an robh, an déigh a h-uile rud a bh’ ann, truacantas aige. Ged a bha e nàdurra dha dioghaltas iarraidh, aig a’ cheart am cha bhristeadh e an gealladh a thug e, ’s cha rachadh e air ais air an t-seann nòs Ghàidhealach, agus mar sin ràinig e an uaimh le biadh agus aodach, agus dh’ innis e do ’n fhear a bha fo eagal gu ’n tilleadh e aig briste na fàire. ’N uair a ràinig Fear Ionbhar-atha a thigh fhéin chaidh e laidhe, agus mar bu chleachdadh leis shuidh e tacan ’na leabaidh a’ leughadh leabhair. Cha robh e fada a’ leughadh air an oidhche so ’n uair a mhothaich e faileas a’ tuiteam air a leabhar. Ag amharc a suas chunnaic e tannasg a chomh-dhalta ’na sheasamh teann air an leabaidh, is aogas cho bàn ri bréid. Bha fhalt gun chireadh is éideadh dearg le fuil. Ann an guth dùrachdach dh’ aithris an tannasg na facail: “Fhir Ionbhar-atha liubhair thairis am mortair. Is fheudar fuil bhi air a dòrtadh air son fala. So mo cheud rabhadh dhuit.” Fhreagair [TD 78] Fear Ionbhar-atha: “Tha fhios agad nach gabh e bhi. Thug mi m’ fhacal, agus tha fhios agad nach deachaidh h-aon de ’n dream air ais air fhacal aig iarrtus caraid no nàmhaid, agus so am fear nach dean e.” Le sgraing ’na aodann gun tuar, tharraing an tannasg air ais agus chaidh e an taobh a chaidh e. Cha ’n ’eil mi ’g ràdh nach do chuir so fiamh is eagal air Fear Ionbhar-atha, ach ma chuir cha do chuir sin bacadh air éirigh a dh’ fhaicinn an robh e comasach do neach air bith tighinn a stigh d’ a sheòmar gun fhios da. Cha robh cruth no coltas fir ri fhaicinn ’na sheòmar, agus ged a las e solus ’s a rannsaich e ’n tigh shios is shuas, a’ toirt sùl anns gach cùil is cuilidh, cha ’n fhaca ’s cha chual e ni a thug mìneachadh dha air na thachair. Cha ruig mi leas ìnnseadh nach do bhris e ’fhacal do ’n truaghan a bha ’san uaimh—aig beul an latha ràinig e ’m fear a bh’ innte le biadh is deoch. Air an ath fheasgar, ’n uair a ghabh a h-uile duine mu thàmh, chaidh e feadh an tighe, ’s cha d’ fhàg e oisinn anns nach do sheall e, ach cha d’ fhuair e duine stigh ach na bu chòir a bhi ann, agus ghlais e h-uile dorus. An sin chaidh e d’a sheòmar féin. Cha robh e fada ’na leabaidh ’nuair thàinig an tannasg a rithis, ag aithris nan ceart fhacal a dh’ aithris e an oidhche roimhe sin, ach a mhain so gu’n do labhair e gu frionasach na facail: “So mo dharna rabhadh dhuit, Fhir Ionbhar-atha.” Mar fhreagradh thuirt Mac Dhonnachaidh: “Tha e ’n am chomas, ach cha dean mi sin.” [TD 79] A’ dol do ’n uaimh an ath mhadainn smaoinich Fear Ionbhar-atha gu ’n robh cho math dha na b’ urrainn dha a dheanamh chum an tannasg a riarachadh, ach am fàgadh e clos na h-oidhche aige, agus mar so labhair e ris an fhear a bha am folach, agus dh’ innis e dha gu ’n robh eagal air gu ’m feumadh e an uaimh fhàgail a chionn nach robh e furasda dhàsan a chumail am folach ni b’ fhaide. Ré an latha sin thug muinntir an tighe an aire cho ghruamach, thiamhaidh ’s a bha Fear Ionbhar-atha, agus nach robh e idir ’ga ghiùlan féin cho flathail uasal ’s a bu ghnàth leis. Air an fheasgar sin dh’ fheuch e gach crann is glas a bha ’san tigh agus mu ’n do ghabh e mu thàmh chuir e fhéin car anns gach iuchair. Ach ciod an stàth! Aig an uair ghnàthaichte thàinig an tannasg teann air a leabaidh, agus thagair e na bu dùrachdaiche na rinn e riamh, air Fear Ionbhar-atha am mortair a liubhairt thairis do ’n lagh. Aon uair eile dhiùlt Fear Ionbhar-atha sin a dheanamh. Ann an tiota dh’ atharraich an tannasg a chruth, agus ann an cainnt ladurna a chuir crith air an fhear a bha ’san leabaidh, thuirt e: “Cha ’n urrainn dhuit a liubhairt thairis oir leig thu leis a chasan thoirt ás. Tachraidh sinn aig Ticonderoga.” * ’N uair thàinig an latha, thug Fear Ionbhar-atha an uamh air, a fhuair e fuar falamh. Chuir so bruaillean nach bu bheag air. Ghreas e dhachaidh * Baile-daingneach aig na Frangaich ann an America. [TD 80] agus dh’ innis e gach cuis d’ a theaghlach. Chuir na dh’ innis e mór ioghnadh air na h-uile, gu sonraichte am baile neònach anns an robh an tannasg ri Fear Ionbhar-atha a choinneachadh. Ach ri ùine cha robh guth no cuimhn’ air rabhadh an tannaisg. Bliadhna no dhà ’na dhéigh so, ’n uair a bha Breatunn ’s an Fhraing a’ cogadh an aghaidh a cheile anns a’ chearna sin de America a bhuineas do Bhreatunn, fhuair Fear Ionbhar-atha agus a mhac òrdugh an àite a ghabhail leis an “Fhreiceadan Dubh” a bha air an òrduchadh do America. Cha ruig mi leas ìnnseadh mar a ràinig iad, agus na blàir anns an do dhearbh iad an cruadal agus a’ ghaisge sin a bu dùth ’s a bu dual daibh, oir cha bhuin sin do m’ naigheachd, ach bheir mi sibh do champa a bha suidhichte air làrach coille a chaidh a ghearradh, is teann air baile-daingneach làidir. Mu theine a’ champa tha na h-oifigich agus na saighdearan a’ seinn òran agus ag aithris sgeul. Mu aon de na teineachan tha Fear Ionbhar-atha ’s a mhac. Chaidh iarraidh air Mac Dhonnachaidh sgeul Gaidhealach aithris, agus dé rinn e ach dol thairis air an naigheachd a dh’ aithris mi mu ’n tannasg a chunnaic e uair is uair an Tigh Ionbhar-atha. An déigh do dh’ fhear no dhà a bheachd a thoirt mu ’n naigheachd agus mu ’n rabhadh a thug an tannasg do Fhear Ionbhar-atha, thionndaidh Mac Dhonnachaidh ris a’ Chòirneal agus ars esan—“Cha ’n ’eil beachd agam gu ’n d’ innis sibh dhuinn ainm an daingneach tha sinn ri shéisdeadh am [TD 81] màireach.” “Cha d’ innis,” ars an Còirneal, “feuchaidh sinn ri St. Louis a thoirt gu làr. Ach a laidhe, a chàirdean, fhuair sinn na dh’ fhóghnas de na naigheachdan sgeunach sin. Tha latha cruaidh air thoiseach oirnn.” Tha fhios aig na h-uile a tha eòlach air eachdraidh iomraideach an “Fhreiceadain Duibh,” air a’ ghaisge ’s air an dìoras a nochd iad air an latha ud, a’ feuchainn ris a’ bhaile so a shéisdeadh. Uair is uair chaidh an tilleadh air an ais, ach a rithis ’s a rithis rinn iad oidheirp eile air an daingneach a ghlacadh—Fear Ionbhar-atha agus a mhac air an ceann, ’g am brosnachadh ’s ’g am misneachadh. Mu dheireadh thuit Fear Ionbhar-atha ’s a mhac, agus ’n uair chunnaic an Còirneal so, ghairm e air ais Gillean-an-Fhéilidh, agus air dha fosadh-còmhraig fhaotainn bho na Frangaich, thòisich an t-arm Breatannach air sealltainn as déigh na bha leòinte; agus air na bha marbh a chur fo ’n talamh. Bha fhios aig a’ Chòirneal gu ’m b’ e ainm a’ bhaile a bha iad a’ séisdeadh Ticonderoga, ach cha do ghabh e sin air an oidhche roimhe so ’n uair a dh’fheòraich Fear Ionbhar-atha a’ cheisd dhe. Chunnaic e Mac Dhonnachaidh agus a mhac a’ tuiteam agus ghreas e an taobh a bha iad. Bha mac Fir Ionbhar-atha marbh, ach bha e féin beò air éigin. Dh’ fheòraich an Còirneal dheth an robh fios air bith aige ri chur dhachaidh do dh’ Albainn. Dh’ fhosgail Fear Ionbhar-atha a shùilean, agus a’ geur amharc air a’ Chòirneal, ars esan gu dùrachdach—“Thug sibh [TD 82] an car asam. Chunnaic mi an tannasg a rithis. ’S e so Ticonderoga!” Chuir an Còirneal a sios ’na leabhar-pòca a’ cheart uair air an do thachair so uile. Chaidh an t-athair ’s am mac a chur anns an aon chlais, agus chuir an Còirneal a suas carragh-cuimhne maiseach air an uaigh. Mar a thachair do Shaul agus Ionatan, “bha iad gràdhach agus taitneach ’nam beatha, agus ’nam bàs cha do sgaradh iad.” Ach ’s fheudar a nis tilleadh air ais gu Albainn bheadarraich. Air a’ cheart latha a bha baile Thiconderoga ’g a shéisdeadh thuit do dhà bhean-uasal—bana Chaimbeulaich á teaghlach Eadair-linn—a bhi gabhail an rathaid eadar Cill-mo-liu agus Ionbhar-aora, agus ’n uair a bha iad air bogha na drochaid-ùire, chunnaic iad sealladh anns an speur a chuir ioghnadh orra. Ciod a bha so ach séisd, agus rachadh aca air, cha ’n e mhàin na reiseimeadan aithneachainn, ach cuid dhiubh-san a bha air an ceann. Chunnaic iad Fear Ionbhar-atha agus a mhac a’ tuiteam, agus a liuthad fear eile air an robh iad eòlach. Dh’ innis iad na chunnaic iad d’ an càirdean agus sgriobh iad a sios ainmeannan na feadhnach a thuit. Seachdainnean ’na dhéigh so thàinig cunntas á America air séisd Thiconderoga, agus thachair e air a’ cheart latha agus uair a chunnacas an sealladh neònach anns an speur aig Ionbhar-aora, agus am measg na chaidh a mharbhadh bha a’ cheart fheadhainn a chunnaic na mnathan-uasal a’ tuiteam, ’s air an do rinn iad iomradh anns an àm. [TD 83] AN CEANNAICHE EADAILTEACH. [Chaidh an naigheachd a leanas eadar-theangachadh á leabhar ris an abrar “Tales from Shakspear,” by Charles Lamb.] Bha Iùdhach d’ am b’ ainm Shylock a chòmhnuidh ann am baile Venice anns an Eadailt; bha e ’na dhuine ro shanntach, agus le bhi cur a chuid airgid a mach air riadh àrd am measg nan ceannaichean Crìosdail, chuir e beairteas mór cruinn. Bha Shylock ’na dhuine cruaidh-chridheach agus fuathasach teann ann an tagar air ais ’airgiod-iasaid; bha, uime sin, fuath nach bu bheag aig a h-uile duine ceart cothromach dha, agus gu sònraichte aig Antonio, ceannaiche òg a bha anns a’ bhaile; agus bha neo-ar-thaing urad fhuath aig Shylock dhàsan, oir bha e ’na chleachdadh aige airgiod a thoirt do dhaoine air choingheall agus cha ’n iarradh ’s cha ghabhadh riadh bho dhuine; bha leis a so, gamhlas nach robh faoin eadar an t-Iùdhach sanntach so agus an ceannaiche iochdmhor Antonio. Cha robh uair a thachradh Antonio air an Iùdhach aig a’ mhargadh, nach biodh e ’g a thàmailteachadh le bhi ’tilgeil air a chuid riadh agus a chleachdainnean spìocach, cruaidh; rud ris an éisdeadh an t-Iùdhach gu ciùin macanta, na ’m b’ fhior, am feadh ’s a bha e aig a’ cheart àm a’ cur roimhe gu ’m biodh dìoghaltas aige. [TD 84] Cha robh air an t-saoghal duine bu chaoimhneala agus a bu ghloine na Antonio; no fear a bu chuirt-eala ’na ghluasad; a dh’ aon fhacal cha robh ’s an Eadailt gu léir duine anns am faicteadh tuilleadh de mhóralachd nan sean Rómanach. Bha e fo mhór ghràdh aig muinntir a’ bhaile; ach b’ e Bassanio, flath òg Eadailteach, caraid a bu dlùithe d’ a chridhe. Bha aig Bassanio oighreachd bheag, ach mar is minig a thachras do dhaoine òga aig a bheil inbh àrd, ’s gun ach sporan beag, chaidh e troimhe ’chuid maoin le caithe-beatha cosdail os cionn a chomais. An uair a bhiodh Bassanio gann de dh’ airgiod chuidicheadh Antonio e; bha iad mar nach biodh ach aon chridhe agus aon sporan eatorra. Thàinig Bassanio aon latha gu Antonio agus dh’ innis e dha gu ’n robh rùn air a chor a leasachadh le mnaoi-uasail air an robh e an gaol a phòsadh; gu’n robh a h-athair marbh agus gu’n d’fhàg e oighreachd mhór aice; gu ’m b’àbhaist dha am feadh ’s a bha a h-athair beò a bhi a’ taghal a tighe, agus gu’n d’thug e an aire gu ’n robh i ag amharc air le sùilean gaoil a bha mar gu ’m b’ eadh le teachdaireachd bhailbh ag ràdh ris gu ’m b’ e bheatha tighinn; ach air dha bhi gun airgiod g’a chur fhéin ann an uidheam fhreagrarrach do dh’ fhear a bha an geall air mnaoi-uasail cho beairteach, ghuidh e air Antonio cur ris gach fàbhor a bhuilich e air roimhe so le trì mìle bonn òir a thoirt dha air choingheall. Cha robh an t-airgiod tioram deas [TD 85] aig Antonio a bheireadh e dha aig an àm, ach bha sùil aige ri luingeis làn bathair a bhi dhachaidh gu’n dàil, agus thubhairt e gu’n ruigeadh e Shylock an ceannaiche Iùdhach, agus gu ’m faigheadh e iasad an airgid uaith air creideas nan long a bha a’ tighinn gu caladh. Chaidh Antonio agus Bassanio còmhladh a dh’ ionnsaidh Shylock, agus dh’ iarr Antonio iasad thrì mile bonn òir air an Iùdhach aig riadh ’s am bith a thoilicheadh e, ri bhi air a phàigheadh á luach a bhathair a bha ’na chuid luingeis air a’ chuan. Air a chluinntinn so do ’n Iùdhach thuirt e ris fhéin: “Ma gheibh mise cothrom air aon uair, mur sàsaich mise an gamhlas a tha agam dha! Tha fuath aige d’ ar cinneach Iùdhach; tha e toirt airgid-iasaid an nasgaidh; agus am measg nan ceannaichean anns a’ mhargadh cha ’n ’eil de thlachd aige ach a bhi ’gam smàdadh a chionn a bhi tagradh réidh air son mo chuid iasad. Mallaichte gu ’n robh mo chinneadh mur crean e air!” An uair a mhothaich Antonio gu ’n robh e mar so a’ meòrachadh ris fhéin gun fhacal freagairt a’ tighinn uaith, agus esan an cabhaig air son an airgid, thuirt e—“Shylock, an cluinn thu mi? An toir thu dhomh an t-airgiod a dh’ ainmich mi?” Fhreagair an t-Iùdhach—“Antonio uasail, air a’ mhargadh is tric agus cha b’ ainneamh a rinn thu tàir orm air son mo chuid airgid, agus mo riadh dligheach, agus chuir mi suas leis gu foighidneach, oir is e fulangas suaicheantas ar cinnidh gu léir; agus theireadh [TD 86] tu nach robh annam ach ana-creideach, madadh gràineil, agus thilgeadh tu smugaid thàireil air mo thrusgan Iùdhach, agus bhreabadh tu uait mi mar nach biodh annam ach cù. Ach a nis a réir coltais tha thu am feum mo chuideachaidh; agus thig thu a’m ionnsaidh agus their thu: “Skylock, thoir dhomh airgiod.’ Am bi airgiod aig cù? An urrainn do mhadadh iasad thrì mìle bonn oir a thoirt do dhuine? An sleuchd mise, nis, gu h-ùmhal agus an abair mi: ‘A dhuine mhaith, thilg thu smugaid orm Di-ciadain so chaidh, aig àm eile thuirt thu madadh rium; agus an éirig do mhodh agus do chaoimhneis tha mi dol a thoirt airgid dhuit.’” Fhreagair Antonio—“Tha e glé choltach gu ’n goir mi an t-ainm ceudna riut a rithis, gu ’n tilg mi smugaid ort, agus gu ’m breab mi uam a rithis thu. Ma nì thu de chomhstadh an t-airgiod a thoirt dhomh, na toir seachad e dhòmhsa mar do d’ charaid, ach mar gu ’n tugadh tu air iasad dhomh e mar do d’ nàmhaid, a los, ma bhristeas mise, gur urrainn thu le aghaidh is feàrr a thagar air ais le costas agus le ùnnladh.” “Faic a nis,” arsa Shylock, “mar tha thu ’gad chur féin an corruich. Bhithinn-sa càirdeil riut, agus bu mhiann leam thu bhi càirdeil rium. Leigidh mi air dhi-chuimhne gach tàir a rinn thu orm. Nì mi cobhair air d’ uireasbhaidh agus cha ’n iarr mi peighinn de riadh air son mo chuid airgid.” Ghabh Antonio ioghnadh mór ris an tairgse fhialaidh so; agus thuirt Shylock, agus e fhathast [TD 87] a’ gabhail air a bhi toileach caoimhneas a nochdadh agus gu ’n robh e ’ga dheanamh gu leir air son gaol Antonio a chosnadh, gu ’n tugadh e dha na trì mìle bonn òir agus nach iarradh e peighinn réidh; ach a mhain so, gu ’n rachadh Antonio leis a dh’ ionnsaidh fir lagha, agus air son àbhachd gu ’n cuireadh e ’ainm ri gealladh mur pàigheadh e air ais an t-airgiod air a leithid so a latha gu ’n dìoladh e punnd d’ a fheòil, ri bhi air a gearradh as àite ’sam bith d’ a chorp a thoilicheadh an t-Iùdhach. “Tha mi toileach,” ars Antonio. “Cuiridh mi m’ ainm ris a’ ghealladh, agus aidichidh mi gu bheil bàidhealachd anns an Iùdhach an déigh a h-uile rud a th’ann.” Thuirt Bassanio nach leigeadh e le Antonio ainm a chur ri leithid sin de ghealladh air a shon-san; ach coma, chuir Antonio roimhe gu ’n deanadh e e, oir bha e làn chinnteach m’ an tigeadh latha paigheadh a’ gheallaidh gu ’m biodh a luingeis air an ais luchdaichte le luach an airgid thairis is thairis. Aig cluinntinn a’ chonnsachaidh a bha eadar an dithis, ghlaodh an t-Iùdhach—“O Abrahaim, m’ athair, nach amharasach na daoine na Criosdaidhean sin fhéin! tha iad cho cleachdte ri buntainn gu cruaidh ’s gu bheil iad am beachd gu bheil muinntir eile cho dona riutha féin. Guidheam ort, a Bhassanio; innis so dhomh; mur seasadh e a latha, ciod a’ bhuannachd a bhiodh anns a’ gheall dhòmhsa? Punnd de fheòil duine air a ghearradh bharr a’ choluinn, cha ’n ’eil e cho luachmhór no [TD 88] cho buannachdar ri muilt-fheòil no ri mairt-fheòil. A chosnadh a dheadh-ghean tha mi a’ tairgseadh a’ chairdeis so; ma ghabhas e e is math; mur gabh, slàn leat.” Mu dheireadh, an aghaidh comhairle Bhassanio a bha amharasach mu ’n Iùdhach, a dh’ aindeòin na thuirt e mu dheadh-rùn anns a’ chùis, agus nach robh e idir toileach gu ’n cuireadh a charaid e féin fo chunnart a leithid de pheanas gràineil as a leth-san, chuir Antonio ’ainm ris a’ ghealladh, a’ smaoineachadh nach robh e, mar thuirt an t-Iùdhach, ach air son àbhachd. Bha a’ bhan-oighre bheairteach a bha Bassanio a’ cur roimhe a phòsadh a chòmhnuidh dlùth do bhaile-mòr Venice, aig àite d’ an goirear Belmont. B’ e a h-ainm Portia, agus ann am buaidhean agus ann am maisealachd inntinn agus pearsa cha robh a coimeas ri fhaotainn. An uair a fhuair Bassanio an t-airgiod air son an do chuir a charaid Antonio e féin fo leithid de chuing, thug e air do Bhelmont le mor ghreadhnachas, a’ toirt leis mar ghille-cuim lasgaire òg d’ am b’ ainm Gratiano. Shoirbhich gu math le Bassanio anns an t-suiridh, agus gheall Portia ann an ùine ghoirid a ghabhail mar fhear-pòsda. Dh’ aidich Bassanio do Phortia nach robh saibhreas aige, agus nach robh aige gu uaill a dheanamh as ach fuil uasal agus sìnnsearachd chliùiteach. B’ iad a bhuadhan fiughantach a ghluais a gaol-se, agus bha beairteas gu leòir aice mar a bha, gun [TD 89] sùil ri saibhreas le a fear-pòsda, uime sin fhreagair i, le màldachd ghrinn, mar bu mhath a b’ aithne dhi, gu ’m b’ fheàrr leatha gu ’n robh i mìle uair na bu mhaisiche na bha i, chum ’s gu ’m biodh i airidh air; agus an sin thòisich Portia eireachdail air cur sios oirre fhein, ag ràdh nach robh innte ach caileag gun fhòghlum, gun sgoil, gun sgil, ach nach robh i fhathast cho sean ’s nach b’urrainn di ionnsachadh, agus gu ’n cuireadh i i-féin fo chùram-san gu bhi air a seòladh agus air a riaghladh leis anns gach ni; agus ars ise—“Mi fhéin agus na bhuineas dhomh is leatsa. An dé, a Bhassanio, bha mi am bhain-tighearna air an lùchairt àillidh so, a’m uachdaran orm fhéin, agus a’m bhana-mhaighstir air na seirbheisich sin; ach a nis mo thighearna is leatsa an tigh ’s na seirbheisich sin, agus mi fhéin; tha mi ’g am buileachadh ort leis an fhàinne so,” agus shìn i am fàinne do Bhassanio. Bha Bassanio air a lionadh le taingealachd agus le ioghnadh ri faicinn cho grinn ’s a ghabh Portia uasal, bheairteach ri duine mar bha esan nach robh an seilbh air saibhreas no inbh; cha b’ urrainn e a thoil-inntinn, agus a ghràdh do ’n mhnaoi-uasail a chuir a leithid a dh’ urram air a chur an céill ach ann am briathran bristeach gaoil agus buidheachais; a’ cur an fhàinne air a mheur gheall e nach dealaicheadh e ris gu latha a bhàis. Bha Gratiano agus Nerissa bean-choimhideach Phortia a’ feitheamh air an triath òg agus air a’ mhnaoi-uasail an uair a thug Portia dha a gealladh [TD 90] cho suilbhear gu ’m biodh i ’na céile ghaoil aig Bassanio; agus ghuidh Gratiano gach sonas agus àgh do ’n chàraid ghrinn, aig a’ cheart àm ag iarraidh cead a bhi air a phòsadh e féin air an aon latha riuthasan. “Le m’ uile chridhe, a Ghratiano,” arsa Bassanio, “ma dh’ amaiseas tu air leannan.” Thuirt Gratiano ris gu ’n robh e an gaol air Nerissa, bean-choimhideachd na mna-uasail, Portia, agus gu ’n do gheall ise gu ’m pòsadh ise esan na ’n gabhadh Portia Bassanio. Dh’ fheòraich Portia de Nerissa an robh so fìor. Fhreagair Nerissa—“Ma ’s e ur toil e, tha e fìor, cha ’n ’eil d’ ar dìth ach ar cead féin.” Dh’ aontaich Portia gu toileach, agus thubhairt Bassanio gu cridheil—“A Ghratiano, cuiridh do bhanais am barrachd urraim air a’ chuirm-bainnse againne; mo bheannachd oirbh.” Bha sonas nan càraidean grinne so air a bhristeadh gu dòlasach ann am meadhon na h-iomairt so, le teachdaire a thàinig orra a’ giùlan litreach bho Antonio a’ cur an céill naigheachd ro bhrònaich. An uair a leugh Bassanio litir Antonio mhùth a neul, air alt gu ’n do shaoil Portia gu ’n d’ fhuair e fios mu bhàs caraid ghaoil air chor-eigin; agus ’n uair dh’ fheòraich i ciod an sgeul a chuir a leithid de mhulad air, fhreagair e—“A Phortia, mo ghaoil, so agad briathran is mi-thaitniche a thàinig riamh o bhàrr pinn. A bhean-uasal, mo rùin, an uair a dh’ aidich mi mo ghaol dhuit an toiseach dh’ innis mi gu saor gu ’n robh na bh’ agam de bheairteas a’ ruith ann am chuisle; ach bu chòir dhomh ’s an [TD 91] àm innseadh a thuilleadh air sin gu ’n robh mi na bu bhochda na ged nach biodh dad idir agam, gu ’n robh mi ann an ainfhiach.” Chuir Bassanio an sin an céill do Phortia gach ni a tha air aithris an so, mar fhuair e airgiod coinghill bho Antonio, mar fhuair Antonio bho Shylock an t-Iùdhach; mu ’n ghealladh ris an do chuir Antonio ’ainm, gu ’n tugadh e punnd d’ a fheòil féin do ’n Iùdhach mur pàigheadh e an t-airgiod air an latha a chaidh a shocrachadh, agus an sin leugh Bassanio litir Antonio, mar a leanas— “A Bhassanio; a dhuine mo ghaoil, tha mo luingeis uile air an call, feumaidh mi an t-ùnnladh iocadh do ’n Iùdhach; agus a thaobh gur eu-comasach e mi bhi beò an déigh sin a dheanamh, bu mhath leam d’ fhaicinn an àm mo bhàis. Ach dean an rud a chi thu freagarrach; mur toir do ghràdh dhòmhsa ort tighinn na tugadh mo litir ort.” “M’ fheudail de na feara,” arsa Portia; “cuir gach gnothach troimh do làmhan gun dàil agus tog ort; bheir mi dhuit de dh’ òr na phàigheas an t-ùnnladh ged bhiodh e fhichead urad ’s a tha e, m’ am fuiling mi gu ’n cailleadh an caraid caomh so fuiltean d’ a cheann air son mo Bhassanio; agus a chionn gu ’m bi mi air prìs cho mór a phàigheadh air do shon, bidh an tuilleadh gaoil agam ort.” Thuirt Portia an sin gu ’m pòsadh i Bassanio mu ’n falbhadh e, a los gu ’m biodh còir dhligheach aige air an airgiod; agus an latha sin féin chaidh am pòsadh. Chaidh Gratiano aig a’ cheart àm a phòsadh ri Nerissa; agus thog Bassanio agus Gratiano [TD 92] orra ann an cabhaig do bhaile Venice far an d’ fhuair Bassanio Antonio bochd ann am prìosan. Bha an latha air an robh aige ris an airgiod a phàigheadh air dol seachad, agus dhiùlt an t-Iùdhach an-iochdmhor an t-airgiod an uair a thairg Bassanio dha e; cha ghabhadh e nì ’sam bith ach punnd de fheòil Antonio. Chaidh latha a shuidheachadh air son na cùise a thoirt air a h-aghaidh aig mòd an lathair Diùc Venice, agus bha Bassanio a’ feitheamh latha na cùirte fo chùram agus fo iomcheist mhóir. An àm do Phortia dealachadh r’ a fear-pòsda labhair i gu misneachail ris, agus dh’ iarr i air a charaid a thoirt leis an uair a thilleadh e; ach bha i fo amharus gu ’n éireadh gu h-olc do dh’Antonio, agus an uair a dh’fhàgadh i leatha fhéin, thòisich i air meòrachadh an robh aon dòigh no dòigh eile anns am b’ urrainn di ruigheachd air caraid a Bassanio gaoil a shaoradh; agus ged a gheall i air son an tuilleadh urraim a chur air Bassanio, gu ’n géilleadh i gu malda macanta d’ a ghliocas-san mar thigeadh e do mhnaoi dhìleis, air a shon so uile, a nis an uair a bha an cunnart anns an do sheas caraid caomh a fir-pòsda ’g a cur fo ghluasad, cha robh teagamh aice ’na cumhachd fhéin, agus làn de ’n bheachd so, gun chead gun comhairle, chuir i roimhpe gu ’n togadh i oirre do bhaile-mór Venice agus gu ’n tagradh i anns a’ chùirt as leth Antonio. Bha aig Portia caraid a bha ’na fhear-lagha (is e Bellario a b’ ainm dha); sgrìobh i a dh’ ionnsaidh an duin’-uasail so, a’ cur an céill gach [TD 93] nì mar a bha, agus ag iarraidh a chomhairle, agus aig a cheart àm gu ’m biodh e cho math ’s gu ’n cuireadh e g’ a h-ionnsaidh an fhallainn a b’ àbhaist dà a chaitheamh an uair a bhiodh e a’ tagradh aig a’ Mhòd. Thill an teachdaire le litrichean bho Bhellario ’ga seòladh mar dheanadh i, agus leis gach nì a dh’ fheumadh i g’ a h-uidheamachadh air son na cùirt. Sgeadaich Portia agus a’ bhean-choimhideachd Nerissa iad féin ann an aodach-fhear, agus a’ cur uimpe fallainn an fhir-lagha, thug i leatha Nerissa mar chléireach; agus a’ togail orra gun dàil ràinig iad baile-mór Venice, dìreach air latha na cùirt. Bha ’chuis dìreach a’ dol a bhi air a gairm an làthair an Diùc agus comhairlich a’ bhaile ann an talla mór a’ Mhòid an uair a thàinig Portia a stigh, agus shìn i suas litir bho Bhellario, anns an d’thuirt am fear-lagha ainmeil sin ris an Diùc, gu ’n robh e féin a’ cur roimhe tighinn air aghaidh a thagradh as leth Antonio, ach gu ’n robh e air a bhacadh le tinneas, agus dh’ iarr e gu ’n tugteadh cead agus cothrom do ’n sgrìobhadair òg uasal Balthasar (is e so an t-ainm a thug e do Phortia) tagradh ’na àite. Cheadaich an Diùc so agus ioghnadh air cho òg ’s a bha coltas a’ choigrich, agus Portia gu seolta grinn air a ceiltinn fo fhallainn an fhir-lagha agus gruag fhada bhàn air a ceann. Thug cudthromachd a’ ghnothaich a ghabh Portia as laimh an tuilleadh misnich do ’n mhnaoi-uasail àillidh sin agus an taice a dleasnais ghabh i [TD 94] gun fhiamh gun athadh, Theann i an toiseach ri Shylock, an t-Iùdhach; agus ag aideachadh gu saor, a réir laghannan na h-Eadailt, gu ’n robh làn chòir aige air an dìoladh a bha air a chur sìos anns a’ chùmhnant, labhair i cho grinn mu iochd agus mu thròcair, ’s gu ’n tugadh e maothachadh air cridhe ’sa bith, ach cridhe cruaidh Shylock; chuir i an céill gu ’n robh tròcair a’ braonadh mar fhrasan seimh nan speur a nuas air an talamh; mar bha beannachd dùbailt a’ leantainn tròcair, a’ beannachadh an tì a nochd agus an tì a fhuair tròcair; mar thigeadh tròcair do rìghrean na b’ fheàrr na ’n crùin, a chionn gu ’m b’ aon de bhuaidhean Dhé fhéin tròcair; gu ’n robh cumhachd an duine a’ tighinn dlùth do chumhachd Dhé a réir ’s mar bha e a’ taiseachadh ceartais le tròcair; agus ghairm i air Shylock e a chuimhneachadh mar ghuidheamaid uile air son tròcair a nochdadh. Cha ’n fhaigheadh i smid fhreagairt bho ’n Iùdhach ach tagradh air son an ùnnlagh a bha air ’ainmeachadh anns a’ chùmhnant. “Nach ’eil e comasach an t-airgiod a phàigheadh?” arsa Portia. Thairg Bassanio an sin do ’n Iùdhach làn phàigheadh thairis is thairis; cha b’ e mhàin trì mìle bonn òir, ach de dh’ òr na thoilicheadh e; rud a dhiùlt Shylock, ag ràdh nach gabhadh e nì ach punnd de fheòil Antonio. Dh’ aslaich Bassanio air an sgrìobhadair òg gu ’n claonadh e an lagh anns an tomhas a bu lugha agus gu ’n caomhnadh e beatha Antonio. Ach fhreagair Portia gu smalanach, aon uair ’s gu ’n [TD 95] rachadh lagh a shuidheachadh nach robh e comasach ’atharrachadh. An uair a chuala Shylock Portia ag ràdh nach gabhadh an lagh atharrachadh shaoil e gu ’n robh i a’ gabhail a thaoibh, agus ghlaodh e mach—“Tha Dàniel fhéin air tighinn a thoirt breith! O mo bhritheamh òg, glic, is tu is airidh air urram! Tha thu fada na ’s sine na do choltas!” Dh’ iarr Portia an sin air Shylock an cùmhnant a leigeil ’fhaicinn di; agus an uair a leugh i e, thuirt i—“Tha an gealladh so briste agus a réir mar tha mise ’g a ’leughadh tha còir air an Iùdhach air punnd de fheòil ri bhi air a gearradh á uchd Antonio, lamh ris a’ chridhe.” Thuirt i, agus i a’ tionndadh ri Shylock—“Bi tròcaireach; gabh an t-airgiod, agus ceadaich dhomh an gealladh so a shracadh.” Ach cha chluinneadh Shylock an-iochdmhor iomradh air tròcair; agus fhreagair e—“Tha mi a toirt mo mhionnan air gach àrd agus ìosal nach ’eil cumhachd ann an teanga an duine a tha comasach air mo ghluasad bho ’n nì sin a tha mi a’ cur romham.” “Ma tha sin mar sin,” arsa Portia ri Antonio, “feumaidh tusa do bhroilleach a’ dheanamh deas air son na sgine;” agus am feadh a bha Shylock gu dian a’ geurachadh na cuirce chum am punnd feòil a’ ghearradh, dh’fheòraich Portia de dh’ Antonio—“A bheil diog agad ri ràdh?” Fhreagair Antonio gu sìochail ciùin, nach robh a bheag aige ri ràdh a chionn gu ’n robh inntinn leagte ris a’ bhàs. An sin thuirt e ri Bassanio—“Fair dhomh do làmh, a Bhassanio! [TD 96] Slàn leat! Na bi fo dhoilgheas air son gu ’n d’ thàinig am mi-fhortan so ormsa air do sgàth. Thoir mo bheannachdan do d’ mhnaoi òig, àillidh, agus innis di cho mór ’s a bha mo ghràdh dhuit!” Fhreagair Bassanio agus a chridhe brònach làn—“Antonio, tha mi pòsda air mnaoi a tha cho annsail agam ri m’ bheatha; ach bu bheag leam mo bheatha, mo bhean, agus an saoghal gu h-iomlan ann an coimeas ri d’ bheatha-sa. Chaillinn iad uile, dh’ ìobrainn iad gu leir do ’n aibhistear so air ghaol thusa chaomhnadh.” An uair a chuala Portia so, ged nach robh a’ bhean-uasal chaomh idir diombach d’ a fear-pòsda air son mar chuir e an céill ann am briathran cho làidir, a ghaol agus a chomain do chàraid cho dìleas ri Antonio, ars ise—“Cha tugadh do bhean buidheachas dhuit na ’n robh i a làthair, agus do chluinntinn a’ tairgseadh a leithid sin.” Dh’éirich an sin Gratiano, agus e toileach eiseimpleir a mhaighstir a leantainn, agus e smaointeachadh gu ’m bu chòir guth a bhi aige-san anns a’ ghnothach cho math ri càch; ars esan, ann an éisdeachd Nerissa, a bha ’na suidhe ann an riochd cléirich aig taobh Portia—“Tha agamsa bean, agus, air m’ fhacal, tha gaol agam oirre; b’ fheàrr leam gu ’n robh i an ceart uair am Flaitheanas na ’m b’ urrainn di iompaidh a chur air na cumhachdan gu h-àrd inntinn an Iùdhaich aingidh so atharrachadh.” “Is math dhuit nach ’eil i ’ga d’ chluinntinn,” arsa Nerissa, “air neo cha chuirinn geall nach [TD 97] togadh e aimhreit ann ad thigh.” Ghlaodh Shylock a mach le boile—“Tha sinn a’ cur seachad ùine; guidheam ort thoir a mach a’ bhinn.” Bha gach neach anns a’ chùirt a nis fo fhiamh agus gach chridhe fo dhoilgheas air son Antonio. Dh’ fheòraich Portia an robh meidh deas a thoimhseadh an fheòil; agus ars’ ise ris an Iùdhach—“A Shylock, feuch gu ’m bi lighiche dlùth, air eagal gu ’m faigh e bàs le dìth fala.” Cha robh a dhìth air Shylock ach gu ’n sileadh Antonio gu bàs, uime sin thuirt e—“Cha ’n eil sin air ainmeachadh anns a’ ghealladh.” “Cha ’n ’eil,” arsa Portia, “ach ciod air a shon sin? Bu mhath gu ’n deanadh tu urad sin air son iochd.” Ach facal cha tigeadh bho ’n Iùdhach ach “Cha ’n amais mi air. Cha ’n ’eil e anns a’ chùmhnant.” “Is e do chòir ma tà,” arsa Portia, “punnd de fheòil Antonio. Tha an lagh ’g a cheadachadh agus tha a’ chùirt ’g a bhuileachadh.” Ghlaodh Shylock a mach a rithist—“O mo britheamh, glic agus fìrinneach! Tha Daniel féin air tighinn a thoirt breith!” An sin gheuraich e a rithis an sgian fhada a bha ’na làimh, agus, ag amharc gu dil air Antonio, ars esan—“So dean deas!” “Socair bhòidheach, Iùdhaich,” arsa Portia, “tha rud-eigin eile an so fhathast. Cha ’n ’eil an gealladh so a’ toirt aon bhraon fala dhuit; tha na briathran ag ràdh gu soilleir punnd feòla, a nis an uair a tha thu gearradh na feòla, ma dhòirteas tu aon bhraon de dh’ fhuil a’ Chriosdaidh so, buinear [TD 98] bhuait gach fearann agus maoin a th’ agad agus gabhar iad le uachdaranachd Venice.” Bha e gu tur eu-comasach do ’n Iùdhach am punnd feòla a ghearradh á uchd Antonio gun deur fala a dhortadh, uime sin shaor Portia leis an t-seòl innleachdach so beatha Antonio; rud ’n uair a chunnaic na bha làthair, bha iad air an lìonadh le h-ioghnadh ri gliocas anabarrach a’ chomhairlich òig a bhreithnich an dòigh sheòlta ghrinn, agus thog iad iolach ait bho gach oisinn de’n Mhòd; agus ghlaodh Gratiano, agus e ag aithris air an Iùdhach—“O mo breitheamh, glic agus fìrinneach, Dàniel féin air tighinn a thoirt breith!” An uair a mhothaich Shylock gu ’n deachaidh a rùn fuilteach a thilgeadh bun os cionn, chaill e gu tur a mhisneach agus thuirt e gu ’n gabhadh e an t-airgiod; ghlaodh Bassanio, agus a thoil-inntinn a’ cur thairis ri faicinn na saorsainn a thàinig air Antonio—“So agad an t-airgiod!” Ach chuir Portia stad air, ag ràdh—“Air d’ fhaicill; cha ’n ’eil aobhar cabhaig ann; cha ’n fhaigh an t-Iùdhach ach an t-ùnnlagh; uime sin, a Shylock, dean deas air son na feòladaireachd; ach feuch nach dòirt thu deur fala; agus na geàrr mòr no beag ach dìreach punnd; biodh e thairis air an tomhas no fodha, ged nach biodh ann ach cudthrom na faochaig, ged nach biodh ann ach na dh’ aomadh a’ mheidh leud na róinneig, théid do dhìteadh gu bàs le lagh na rioghachd, agus t’ uile bheairteas a thoirt thairis do ’n uachdranachd.” “Thugaibh dhomh m’ airgiod [TD 99] agus leigibh as mi,” arsa Shylock. “Tha e ullamh ann a so,” arsa Bassanio. Bha Shylock ’dol a ghabhail an airgid an uair a bhac Portia a rithis e, ag ràdh—“Air d’ athais, Iùdhaich, tha greim eile agam ort fhathast. A réir laghannan Venice tha do mhaoin gu léir an geall do ’n uachdranachd a chionn gu ’n do thionnsgain thu làmh a chur ann am beatha aon de luchd-àiteachaidh a’ bhaile agus tha do bheatha fo thròcair an Diùc; a sìos air do ghlùinean, ma tà, agus iarr maitheanas.” Thuirt an Diùc an sin ri Shylock—“A chum gu’m faic thu iochdmhoireachd a’ Chriosdaidh, tha mi a toirt dhuit maitheanais m’ am bheil thu ’g a aslachadh; théid darna leth do mhaoin a thoirt do dh’ Antonio agus an leth eile do ’n uachdranachd.” Fhreagair an t-uasal suairce Antonio gu ’n tugadh esan suas earrann féin de mhaoin an Iùdhaich, na ’n cuireadh an t-Iùdhach ’ainm ri bóid a’ tiomnadh a chodach aig àm a bhàis, d’ a nighinn agus d’a fear-pòsda; oir bha fios aig Antonio gu ’n robh aig Shylock aon-ghin nighinn a bha goirid roimhe sin air òganach Crìosdaidh a phòsadh d’am b’ainm Lorenzo, càraid do dh’ Antonio; gu ’n do rinn i so fada an aghaidh toil an Iùdhaich, rud a chuir miothlachd mhór air, agus gu ’n do bhuin e uaipe uime sin a còir-bhreith. Dh’ aontaich an t-Iùdhach so a dheanamh; agus a’ faicinn mar a bha e mar so air a ghlacadh ’na chuilbheartan, agus air a chreachadh d’ a chuid beairteis, thuirt e—“Tha mi gu tinn; leigibh dhachaidh mi; cuiribh an [TD 100] sgrìobhadh as mo dhéigh agus cuiridh mi m’ ainm ris, a’ sìneadh thairis do m’ nighean darna leth mo chuid an t-saoghal.” “Tog ort, ma tà,” thuirt an Diùc, “agus feuch gu ’n dean thu sin; agus ma ni thu aithreachas de d’ dhroch-bheart, agus á so suas gu ’m bi thu a’d Chrìosdaidh, bheir an uachdranachd maitheanas duit anns an leth eile de d’ bheairteas.” Leig an Diùc as Antonio agus sgaoil am Mòd. Mhol e gu h-àrd gliocas agus ealantachd a’ chomhairlich òig, agus thug e cuireadh dha a dh’ ionnsaidh a thaighe a dh’ itheadh bìdh leis. Leis gu ’n robh rùn air Portia tilleadh do Bhelmont m’ an ruigeadh a fear-pòsda, fhreagair i—“Tha mi a’ toirt mór thaing do ’ur mórachd, ach feumaidh mi falbh gun dàil.” Thuirt an Diùc gu ’n robh e duilich nach ceadaicheadh a dheifir dha dol agus greim a gabhail leis; agus a’ tionndadh ri Antonio, ars esan—“Thoir duais do ’n duin’-uasal so; oir is i mo bharail gu bheil thu fo mhór chomain da.” An uair a dh’ fhàg an Diùc agus an luchd-lagha a’ chùirt thuirt Bassanio ri Portia—“M’ uasal caomh, tha mise agus mo charaid Antonio an diugh troimh do ghliocas-sa air ar saoradh o ùnnlagh trom, tha mi guidhe ort ma tà, gu ’n gabh thu an trì mìle bonn òir a bha againn ri ìocadh do ’n Iùdhach.” “Agus a bhàrr air a sin,” arsa Antonio, “bidh sinn fo fhiachan gràidh agus ùmhlachd dhuit gu bràth.” Dhiùlt Portia làmh a chur air bonn de ’n òr; ach air do Bhassanio iompaidh a chur oirre duais air chor-eigin a ghabhail, ars ise—“Thoir dhomh do [TD 101] làmhainnean; caithidh mi iad air do sgàth.” Thug Bassanio dheth a làmhainnean agus chunnaic Portia am fainne a thug i féin da air a mheur. Is e so a bha dhith air an àluinn sheòlta, oir bha toil aice fhaighinn uaith agus gu ’m biodh beagan àbhachd aice mu ’n chùis ’n uair a thachradh iad a rithis. Ars ise—“Gabhaidh mi am fainne so mar chuimhneachan ort.” Bha Bassanio air a chur chuige gu mór an uair a dh’ iarr am fear-lagha an t-aon ni sin ris nach b’ urrainn da dealachadh, agus fhreagair e gu buaireasach, nach fhaodadh e am fainne thoirt dha, a chionn gur ann bho ’mhnaoi a fhuair e e agus gu ’n do gheall e nach dealaicheadh e ris; ach gu ’m fiosraicheadh e mach am fàinne a bu luachmhoire ann am baile-mór Venice agus gu ’n tugadh e dha e. Air cluinntinn so ghabh Portia oirre a bhi air a tàmailteachadh agus dh’ fhàg i a’ chùirt ag ràdh—“Is ann a tha thu ’gam fhreagairt mar nach robh agad annam ach an deirceach.” “A Bhassanio, mo ghaoil,” arsa Antonio, “thoir dha am fàinne; agus cuir mo ghràdh-sa agus an gnìomh do-labhairt a rinn an duin’ uasal so as mo leth, an aghaidh corruich do mhnatha.” Bha nàire air Bassanio gu’n saoilteadh gu’n robh e neo-thaingeil; ghéill e agus chuir e Gratiano as déigh Phortia leis an fhàinne. An sin dh’ iarr Nerissa bho ’n d’ fhuair Gratiano fàinne cuideachd an uair a phòs iad, dh’ iarr i am fàinne air ais, agus (le toil a bhi cho fada mach r’ a mhaighstir) thug Gratiano dhi am fàinne. Is ann aig na mnathan a bha an àbhachd [TD 102] air an turus a’ smaointeachadh mar thairngeadh iad as na fir an uair a thilleadh iad dhachaidh air son mar dhealaich iad ris na fàinneachan, agus mar dh’ fhàgadh iad orra gu ’n d’ thug iad do leannain air chor-eigin iad. An uair a thill Portia dhachaidh bha a h-inntinn anns an t-suidheachadh shòlasach sin a tha a’ sruthadh o dhearbh-bheachd a bhi aig aon gu ’n do rinn e gniomh ceart; bha a h-inntinn gu h-aoibhneach a’ gabhail tlachd anns gach ni a chunnaic i; cha ’n fhacas leatha riamh a’ ghealach a’ dearrsadh cho oirdhearc; agus an uair a cheil a’ ghealach a gnùis fo neul, leum a h-inntinn aig faicinn leus soluis ’na h-uinneig féin ann am Belmont, agus thuirt i ri Nerissa—“Tha an solus sin a’ lasadh ann an talla mo theach; cho fada ’s a tha a’ choinneal bheag sin a’ tilgeadh a gathan, is co fhada a dhealraicheas deadh ghniomh anns an t-saoghal uile;” agus a’ cluinntinn fuaim ciùil a’ teachd bho ’n tigh, ars’ ise—“Tha leam gu bheil an ceòl sin moran na ’s binne na bhiodh e ’s an latha.” Chaidh Portia agus Nerissa a stigh; chuir iad orra an aodaichean féin, agus dh’ fhuirich iad a’ feitheamh am fir-phòsda. Cha b’ fhada gus an d’ thàinig iad agus Antonio ’n an cuideachd. Thug Bassanio a charaid caomh an làthair na mna-uaisle àillidh, Portia, ach is gann a bha an fhàilte agus am furan a chuir iad air a chéile thairis, an uair a thug iad an aire do Nerissa agus a fear-pòsda a’ conspaid ann an oisinn de’n t-seòmar. “Ciod is ciall d’ a so?” arsa Portia; “an e gu [TD 103] bheil sibh a’ cur a mach air a chéile cheana? Dé tha ceàrr?” Fhreagair Gratiano—“Tha, le ’r cead, an iorghuill mu fhainne leibideach fheòdair a thug Nerissa dhòmhsa, air an robh facail bhàrdachd air chor-eigin mar chìthear iomadh uair air na sgeanan, “Gràdhaich mi agus na tréig mi.’” “Cha ’n e luach an fhàinne no a’ bhàrdachd air a bheil mi a’ tighinn,” arsa Nerissa. “Gheall thu dhòmhsa an uair a thug mi dhuit e, gu ’n gleidheadh tu e gu latha do bhàis; agus a nis tha thu ag ràdh gu ’n d’ thug thu do chléireach fir-lagha e. Tha fhios glé mhath agamsa gu ’n d’ thug thu do bhoirionnach e.” “Mo làmh dhuit,” arsa Gratiano, “thug mi e do dh’ òganach, leth-bhalach, gasan greannach nach bu mhò na thu féin; bha e ’na chléireach aig a’ chomhairleach òg a shaor le a thagradh glic beatha Antonio; ghuidh agus grios an giullan so air son duais eigin agus cha b’ urrainn domh air mo bheatha a dhiùltadh.” “Rinn thu rud a bha ceàrr, a Ghratiano,” arsa Portia, “dol a dhealachadh ris an fhàinne a thug do chéile dhuit mar a ceud thiodhlac. Thug mise fàinne do m’ thighearna Bassanio, agus is mi tha cinnteach nach dealaich esan ris air son na chunnaic e riamh.” Thuirt Gratiano, agus toil aige a leisgeul féin a ghabhail—“Thug mo thighearna Bassanio am fàinne aige féin do ’n chomhairlich, agus an sin ghuidh am balachan cléirich, a rinn a dhleasnas gu tapaidh aig a’ Mhòd, am fàinne agamsa ’fhaighinn.” Ghabh Portia oirre a bhi fo chorruich mhóir an [TD 104] uair a chual i so; thòisich i air achmhasan a thoirt do Bhassanio mu ’n fhàinne; thuirt i gu ’m bu cheart an t-amharus a bh’ aig Nerissa gu ’n d’ thug iad na fàinneachan do leannan air chor-eigin a thachair orra. Bha Bassanio ro dhuilich am miothlachd a thug e d’a chéile chaoimh, agus fhreagair e gu dùrachdach—“Cha d’ thug, air m’ fhacal, cha d’ fhuair bean fo ’n ghréin e ach am fear-lagha. Dhiùlt e trì mìle bonn òir bhuam, agus dh’ iarr e am fàinne, rud ’n uair a dhiùlt mi dha, thog e air ’s e làn diumb. Ciod a b’ urrainn domh a dheanamh, a Phortia, a bhean mo ghaoil? Bha a leithid a nàire orm air son gnothach cho mi-thaingeil a dheanamh ’s gu ’n d’ fheum mi am fàinne a chur as a dhéigh. Thoir maitheanas domh, a bhain-tighearna chaoin; na ’n robh thu féin ann tha mi dearbh-chinnteach gur ann a bheireadh tu bhuam am fàinne g’a thoirt do ’n fhear lagha.” “Och nach truagh an duine mise!” arsa Antonio, “is ann air mo sgàth-sa a thachair gach brionglaid a tha ’n so.” Dh’ iarr Portia air Antonio gun e ’ghabhail doilgheis mu ’n chùis, oir gu ’m b’ e a làn-bheathsan thun a tighe; agus an sin thuirt Antonio—“Chuir mise mo bheatha an geall aon uair air sgàth Bhassanio, agus mur bhith am fear d’ an d’ thug d’ fhear-pòsda am fàinne bha mise an diugh fo ’n ùir. Cuiridh mi mo cheann an geall a rithis nach meall do thighearna tuille thu.” “Théid thusa an urras air, ma tà,” thuirt Portia; “thoir dha am [TD 105] fàinne so, agus iarr air a ghleidheadh na ’s feàrr na a ghleidh e am fear eile.” An uair a sheall Bassanio air an fhàinne, ciod a b’ iongantaiche leis na fhaicinn gu ’m b’ e a cheart fhàinne a thug e seachad a bh’ ann; agus an sin dh’ innis Portia dha gach car mar thachair—gu ’m b’ ise an comhairlich òg agus gu ’m b’ i Nerissa an cléireach; agus thuig Bassanio, agus cha bu bheag a thoil-inntinn agus a thaitneas an uair a thuig e, gu ’m b’ ann troimh fhiùghantachd agus troimh ghliocas a mhnatha gaolaich a chaidh beatha Antonio a chaomhnadh. Chuir Portia fàilte as ùr air Antonio, agus chuir i ’na làimh litrichean a fhuair i air sheol air chor-eigin, anns an robh fios gu ’n robh na luingeis aig Antonio a shaoil daoine bha caillte an déigh tighinn sàbhailte gu cala. Chaidh toiseach brònach an sgeòil mu ’n cheannaiche shaibhir so gu tur air dhi-chuimhn’ anns a’ ghàirdeachas a lion gach neach ris an teachdaireachd àigh agus an solas a lean i. B’ iomadh gàire a bha aca mu dhriod-fhortain nam fàinneachan agus mu na fir nach d’ aithnich am mnathan fhéin. Thug Gratiano bòidean “Ri ’bheò nach b’ eagal leis rud a bu mhiosa Na gu ’n caillteadh gu bràth leis am fàinn’ aig Nerissa.” [TD 106] TAGHADH MINISTEAR SGIREACHD. (Faic “Beachdan Eoghain Oig,” taobh-duilleig 15.) FHIR A TH’ ANN—Tha fios agam gu bheil thu gabhail fadail a chluinntinn cia mar tha cùisean a dol ’s an sgìreachd so. A dh’ ìnnseadh na firinn dhuit-sa bha seòrsa fadail orm fhéin a dh’ fhaicinn a’ Mhuilleir ach an robh fios aige ciod a bha Eoghan Og agus na seòid a bha leis, bràth a dheanamh. Thuit dhomh ’fhaicinn an raoir agus ma chuidicheas mo mheomhair mi bheir mi dhuit an sgeul, facal air an fhacal mar a fhuair mis i; ach air na chunnaic thu riamh na gabh ort ri anail bheò có thug dhuit an naigheachd, oir tha leithid de luasgan ’s de ùb-àb ’san sgìreachd an dràsd, nach ’eil fhios agad có do charaid—mar a bha Lachunn Gallda ag ràdh—“Cha ’n urrainn thu earbsa chur an even eadhoin do bhràthair féin.” Ach gu teannadh ri m’ sgeul; tha e coltach a réir sgeul a’ Mhuilleir Bhàin gu ’n d’ fhan Eoghan Og, Dòmhnull an Tuairneir, Aonghas Og, agus Eoghan Chalum air dheireadh air càch am feasgar a bha ’n conaltradh aca anns a’ mhuileann, agus chuir iad an cinn r’ a chéile mu chùisean na sgìreachd. Ged nach buin am Muillear Bàn do dh’ Eaglais na [TD 107] sgìreachd ghabh iad a stigh ’nan comhairle e mar dhuine grunndail pongail—coltach ris a’ bhodach a bha ’n Lathurna—“’n uair nach robh dad aige ri ràdh dh’ fhanadh e sàmhach.” B’ e Eoghan Og ceann na comhairle. Ged a tha linn o nach do ghabh e gnothuch ri cùisean Eaglais, thuirt e gu ’n robh e meas e bhi mar fhiachaibh air a bhi ’m broilleach na h-ùpraid ’n uair a bha masladh ’ga thoirt do ’n sgìreachd, agus tàir ’ga dheanamh air cànain an athraichean. Dh’ iarr e air a’ Mhuillear fhaotainn a mach gu cinnteach ciod a bha ’m beachd na’ buidhne-taghaidh, o ’n a rachadh aige-san air sin a dheanamh gu ’n amharus a thogail, o nach buineadh e do dh’ Eaglais na sgìreachd. “Feumaidh sinn a bhi cinnteach a so,” arsa Eoghan Og, “mu ’n téid sinn an greim, agus ma théid sinn an ceannsal na cùise, feumaidh sinn a cur a thaghal mu ’n sguir sinn.” Thuirt am Muillear rium gu ’n do chuir so misneach anns na fearaibh, agus chaidh a shocrachadh gu ’n cumadh iad cùisean uaigneach ’san dol a mach, agus gu ’n robh gach aon ri duine earbsach a thoirt leis air an ath Dhir-daoin a dh’ ionnsaidh a’ mhuilinn. B’ e Maighstir Dòmhnull ann an Cill-ma-tunnaig a bha ag amharc as déigh na sgìreachd o ’n a chaidh a h-eigheach bàn, agus bha Eoghan Og e fhéin ’dol a dh’ aon obair ’ga fhaicinn ach ciod a chomhairlicheadh esan dhaibh a dheanamh. Bha fhios aige gu ’m bu duine blàth-chridheach cùiseil Maighstir Dòmhnull, agus a bharrachd air a sin [TD 108] bha bàigh mhòr aige air a’ Ghàidhlig agus air gach cùis Ghàidhealach, agus na ’n gabhadh e deanamh idir, bhiodh e air taobh nàistinn na sgìreachd a bha ’n geall air an t-seann chànain a chumail a suas. ’S ann mar so a chaidh cùisean fhàgail gu feasgar Dhir-daoin. Ach, fhir mo chridhe, mu ’n tàinig am feasgar sin co thachair air an Dròbhair Cham ’s e tighinn á Tigh-nam-fead, ’s gloinne math ’na cheann, ach Aonghas Og. Is aithne dhuit Aonghas, mhealladh e ’n t-ugh bho ’n eun, agus faodaidh tu bhi cinnteach nach d’ fhàg e ’n Dròbhair gus an d’ fhuair e bhuaithe na b’ aithne dha mu chùisean na h-Eaglais, agus tha e coltach nach robh cuimhn’ aig an Dròbhair an ath latha gu ’m faca e Aonghas air an fheasgar ud. Mar a gheall am Muillear Bàn chuir e e fhéin an rathad a’ Mhaighstir-sgoil agus dheothail e ás na bha dhìth air mu ’n taghadh a rinn a’ bhuidheann ud. Dh’ innis e dha cuideachd gu ’n robh an co-thional ri bhi air an gairm gu comhairle na buidhne-thaghaidh a chluinntinn air Di-luain. “Bha a’ bhuidheann so aon-sgeulach,” ars am Maighstir-sgoil, “’s carson nach biodh an co-thional aon-sgeulach cuideachd.” Thàinig feasgar Dhir-daoin agus choinnich na fir ann an àth a’ mhuilinn. Bha seisear a làthair a bharrachd air a’ Mhuillear. Dh’ innis Eoghan Og gu ’m faca e Maighstir Dòmhnull agus gu ’m feuchadh esan ris a h-uile cothrom is ceartas a thoirt do mhuinntir na Gàidhlig. Cha ’n fhaodadh esan comhairle a thabhairt [TD 109] do thaobh seach taobh; bha e ri bhi sin a dh’ fhaicinn cùisean air an giùlan air aghaidh gu réidh, ciallach, agus a réir lagh na h-Eaglais, ach chitheadh e ciod a ghabhadh deanamh chum an co-thional a chur air an earalas. Bha e ri searmonachadh air Di-dòmhnaich agus ri sanus a thoirt de ’n cho-thional mu ’n choinne bha ri bhi air a gleidheil air feasgar Dhi-luain a dh’ éisdeachd ri roghainn an luchd-taghaidh, agus theagamh gu ’m rachadh aige air facal math a chur a stigh air son na seana chànain air an latha sin. “Nis,” arsa Eoghan Og, “ma tha Maighstir Dòmhnull a leth cho fada ’s a’ cheann ’s a tha ’n t-ainm aige, théid aige air moran a ràdh a bhios buannachdail dhuinne. Tha Maighstir Dòmhnull gleusda!” Dh’ innis Aonghas Og an conaltradh a bh’ aige ris an Dròbhair Cham, ’s mar a dh’ innis e dha mar a chaidh a’ bhuidheann-thaghaidh an ceann an dleasanais a chaidh earbsa riutha. Tha e coltach gu bheil an gille glas-neulach, fad’-chasach a shearmonaich Di-dòmhnaich Càisg a’ leannanachd nighean an tuathanaich Ghallda a tha ’n Eidear-linn, o chionn còrr math agus bhliadhna, agus tha e fo ghealladh a pòsadh ’n uair a gheibh e sgìreachd. Dh’ innis am bodach Gallda so gun fhiamh, gun nàire, do ’n bhuidhinn-thaghaidh, agus gheall e na ’n taghadh iad an gille so, gu ’n cuireadh esan aodach ùr dearg air a’ chrannaig (cha ’n ’eil an droch fheum aic’ air), agus gu ’m paigheadh e air son àite-suidhe nam foirfeach a linnteachadh le [TD 110] cùrainn dhearg. An sin thuirt an Sasunnach aig a bheil an t-seilg: na ’n taghadh iad ministear aig an robh pailteas Beurla, agus a b’ urraìnn dol a dh’ iasgach leis na h-aoidhean a bhiodh aige-san an àm na seilg, gu ’n tugadh esan dhaibh Cupan-baistidh airgid air son na h-Eaglais; ged nach do shuidh e latha riamh anns an t-sabhull ris an abradh iad “Eaglais na Sgìreachd”—a dh’ ìnnseadh na fìrinn cha robh e fhéin ’na gheòcaire-soisgeil riamh, ach bha e daonnan an geall air lagh na rìoghachd a chumail suas, agus b’ e ’n lagh gu ’m biodh Eaglais steidhichte ann, agus mar sin sheasadh esan a dh’ aindeòin co theireadh e air son Eaglais na sgìreachd. An deigh an dà thairgse so cha leigeadh an nàire le Fear an Tuim, cruaidh ’s mar tha e, gun ni-eigin a thairgse cuideachd, agus “gun fhacal breige,” ars an Dròbhair Cam, “gheall e ladar ùr a thoirt do ’n Eaglais na ’n taghadh iad an t-òganach a tha ri bhi ’na chliamhuinn aig a’ bhodach Ghallda.” Dh’ eirich am Maighstir-sgoil agus thuirt e an déigh na chaidh a thairgseadh do ’n Eaglais nach biodh e bòidheach no taingeil dhaibh dol an aghaidh iarrtus nan daoin’-uaisle a labhair. Bha a’ chlann òg anns an sgìreachd ag ionnsachadh Beurla agus bhitheadh e na chuideachadh mòr dhaibh na’n robh aca anns an sgìreachd mar mhinistear fear a bhiodh comusach air a’ Bheurla a shearmonachadh gu mìn, reidh gun ghrùid gun druaip. Chuir an Lighiche aonta ris gach ni a chaidh a ràdh, ’s bha ’n còrr de ’n [TD 111] luchd-taghaidh cho sàmhach shocharach ri Seumas balbhan. Tha e coltach ’n uair a chuir Aonghas Og crioch air a naigheachd gu ’n d’ éirich ceann na comhairle—Eoghan Og—agus ars esan—“Nach nàrach an sgeul a tha r’ a innseadh gu ’n reiceadh iad còir na sgìreachd anns an dòigh so; bu shuarach peacadh Shiomoin Mhàgus làmh ris a so. Cha ’n ’eil teagamh nach do shaoil na fir gu ’n robh iad tapaidh, ach ‘cha ’n i ’n ro-sgoilearachd a ’s feàrr,’ agus is ‘tric a mhill an cleas-air-fhichead am fichead cleas.’” Dh’ aontaich a’ chomhairle gu ’n rachadh cùisean earbsa ri Eoghan Og agus Aonghas Og aig coinne a’ cho-thionail air Di-luain. Sin agad, fhir mo chridhe, an sgeul a fhuair mise o ’n Mhuillear Bhàn, agus gheall mi dha gu ’n rachainn leis feasgar Dhi-luain do dh’ Eaglais na sgìreachd a dh’ éisdeachd s a dh’ fhaicinn. Tha esan ag ràdh ma tha na chual e fior, gu ’m bi ’choinne iomraideach. Cha ’n ’eil Eoghan Og an eismeil duine ’san sgìreachd, ’s mar sin ’n uair a leigeas e ruith d’ a theanga ’s e mo thruaighe iad-san air an laidh i. ’S e beachd a’ Mhuilleir gu bheil a’ bhuidheann-thaghaidh an déigh iad féin a bhrath—agus gu ’n eirich gu h-olc dhaibh. Tha fios aig Eoghan Og air rud beag no dhà a tha e cumail gus am faic e cia mar a théid cùisean Di-luain. Tha iad ag ràdh, ’s ma tha e fior ni Eoghan Og a’ bhochdainn orra, gu bheil h-aon no dhà anns a’ bhuidhinn-thaghaidh aig nach ’eil còir [TD 112] laghail a bhi sin idir, a chionn nach ’eil iad ’n am buill de ’n cho-thional no ag aoradh ann an Eaglais na sgìreachd. Tha mise ’g ràdh riut gu ’n dean Eoghan Og an dunach orra ma tha sin fior. Cha ’n ’eil Eoghan Og cneasda ’n uair dh’ éireas air. Mar thuirt am Muillear Bàn e—“Ni Eoghan Og pronnadh nam meanbh-chuileag orra Di-luain, agus feumaidh sinne bhi ’n lathair a mharbhaidh.” Slàn leat gus a sin. ORAID EOGHAIN OIG. FHIR A TH’ ANN—’S e Eoghan Og am balach! Tha mise ’g ràdh riut nach robh teallsanach riamh anns a’ Ghréig no anns an Roimh a thigeadh ann an uisge na stiùrach aige. Tha iad ag ràdh nach diùlt peann breug. Faodaidh sin a bhi fior; buidheachas do Nì Math cha d’ fheuch mi fhéin ri deuchainn a chur air firinn an t-sean-fhacail, bu leòir leam an dràsda na ’n cuireadh mo pheann a sios an fhìrinn fhéin. Ach nach faoin a bhi bruidhinn; cha ’n ’eil teanga no peann a ’s urrainn luaidh air na chunna ’s na chuala mi fhéin ’s am Muillear Bàn ann an Eaglais na sgìreachd air feasgar Dhi-luain so chaidh. Ach, fhir mo chridhe, feuchaidh mi ri ìnnseadh dhuit mar “a chaidh an càl a dholaidh air na bodaich Ghallda”—mar a chaidh do chùisean anns an sgìreachd so o ’n a sgrìobh mi dhuit mu dheireadh. Mar a dh’ innis mi dhuit bha Maighstir Dòmhnull á Cill-ma-tunnaig [TD 113] ri searmonachadh Di-dòmhnaich, agus chuir Eoghan Og cagar ’am chluais feasgar Dhi-sathuirne gu ’n robh an seann duine còir ri facal math a chur a stigh ás leth na seana-chànain, agus gu ’m bu chòir dhomh a bhi ’làthair. Thaghail mi air a’ Mhuillear Bhàn maduinn Dhi-dòmhnaich, agus chaidh e leam a dh’ éisdeachd Mhaighstir Dòmhnull. Mu ’n gann a thug e mach a cheann-teagaisg—“Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh agus air son bhailtean air Dé; agus deanadh an Tighearna an ni a ta maith na shùilibh” (II. Samuel, x. 12)—chunnaic mi fhéin Eoghan Og a’ caogadh ri Aonghas Og, a thug sùil gheur air Dòmhnull an Tuairneir. Théid mise ’n urras gu ’n do rinn Maighstir Dòmhnull searmoin ghleusda. Dh’ innis e cho feumail ’s a bha e do dhaoine bhi misneachail; gun mhisneach cha robh e comasach a bhi gaisgeil, ach le misneach is gaisge bha e comasach do dhaoine gnìomhan a dheanamh a bhiodh a chum glòir Dhé, agus am math fhéin. Bha e nàdurra do dhaoine an sluagh féin a chur air thoiseach air na coimhich—bu bhlàth anail na màthar, agus bu dùth ’s bu dual do dhaoine blàthas a nochdadh do chainnt am màthar ’s do nàistinn na dùthcha. Bha e mar fhiachaibh air daoine an sluagh féin ’s an cànain mhàthaireil a chur air thus ’s air thoiseach air gach fine eile, ’s air gach cainnt fo ’n ghréin. Bha daoine cho dàn an nis ’s gu ’n robh iad a’ faotainn coire do ’n Chruithear a chionn gu ’n tug e barrachd is aona [TD 114] chànain do shluagh an t-saoghail. Bha na daoine ladurna so ’sa bheachd nach bu chòir ach an aona chainnt a bhi air an talamh—b’ i sin a réir am barail-san, a’ Bheurla. Cha robh cuimhn’ aig na seòid so nach robh a’ Bheurla idir sean, ’s nach robh innte ach cànain a bha air a deanamh a suas le daoine, ás gach cainnt eile, mar a bha Gàidhlig, Laideann, Fraingis, agus Greugais. Cha b’ ionnan ’s a’ Ghàidhlig a bha foirfe, fiorghlan, ’s cho sean ris a’ cheò. Sinn agad mar a chaidh an seana bhodach còir air aghaidh. Chòrd e ri Eoghan Og ’s ri luchd-leanmhuinn gu gasda. Aig deireadh na seirbheis dh’ ainmich e gu ’n robh an co-thional ri cruinneachadh Di-luain a chluinntinn Iomradh o ’n bhuidhinn-thaghaidh agus a roghnachadh ministeir air son na sgìreachd. Sparr e air gach neach a bhuineadh do ’n Eaglais a bhi làthair, oir cha bu ghnothuch suarach ministear freagarach a thaghadh. Fhir mo chridhe! thàinig feasgar Dhi-luain ’s théid mise ’n urras nach do dhi-chuimhnich an co-thional an earail a fhuair iad Di-dòmhnaich. Bha gach beag is mór, sean is òg san sgìreachd cruinn—tha mise gràdh riut gu ’n robh cuid a sud nach do chuir dragh air Eaglais o chionn “bliadhna-na-braoise”—mar a tha Alasdair-na-cois-fheàrna, Ceit Iain Mhóir, Cailean-nam-breug, agus Dùghall Rothach. Thàinig Maighstir Dòmhnull, agus a stigh ghabh sinn. Eadar an dà dhorus chuala mi fhein Aongas Og a cur cagair ann an cluais Eoghain Oig—“Tha mise dol gu taobh thall na h-Eaglais, [TD 115] ’s ged ’chluinneas tu mi a’ cur cheisdean tuathal, cearbach na gabh diog ort”—’s chaidh iad a stigh—an darna fear a’ gabhail an doruis dheas, ’s am fear eile an doruis chlì. ’N uair a chaidh am Muillear Bàn ’s mi fhéin a stigh, bha ’n Eaglais loma làn. Bha a’ bhuidheann-thaghaidh ann an àite-suidhe nam foirfeach, an Sasunnach ’na shuidhe eadar an Dròbhair Cam agus Rob nan Con, agus Fear an Tuim eadar am Maighstir-sgoil ’s an Lighiche. Tha mi tuigsinn gu ’n do shaoil na “coimhich” (mar a bhaist Eoghan Og ceannardan na buidhne-taghaidh) ’n uair a chitheadh Maighstir Dòmhnull, Fear an Tuim, an Sasunnach, agus am bodach Gallda á Eidear-linn, a làthair gur ann am Beurla a ghiùlaineadh e air aghaidh obair an fheasgar, ach ma chunnaic an duine còir iad, cha do ghabh e diog air, ’s cha do mheas e gu’n robh e fo chomain dhaibh ’n uair thug e ’mach “Salm Sheumais a’ Ghlinne”— “Tagair, a Dhia, ri luchd mo strì; Cuir cath ri luchd mo chath,” —Salm XXXV. 1. Chuir so spleadhnas air a’ Mhaighstir-sgoil ’s thug e sùil mhiobhail, mhi-chiatach air an fhear a bha ’sa’ chrannaig. Chuir an Sasunnach a choragan ’na chluasan, ’s chagainn bodach, Eidear-linn ’fheusag gu ruighinn teann. ’N uair a bha ’n t-Salm seachad rinn Maighstir Dòmhnull ùrnuigh ghleusda anns an tug e mòran seòladh do ’n cho-thional ciod a bu chòir dhaibh a dheanamh. An [TD 116] sin dh’ ainmich e gu ’m b’ e ’n ath ni “Iomradh na Buidhne-thaghaidh” fhaotainn, ach ma bha ceisd aig neach air bith ri chur b’ e so an t-àm. An sin dh’ éirich Aonghas Og, ’s e ’g amharc cho neo-chiontach ris an uan, agus dh’ fheòraich e—“An sgìreachd Ghàidhealach i so, agus a bheil e mar fhiachaibh air ministear na sgìreachd Gàidhlig a shearmonachadh?” “Ud, ud, Aonghais,” fhreagair am Ministear, “ciod a chuir a’d cheann nach ann Gàidhealach tha ’n sgìreachd so? Gun teagamh feumaidh e Gàidhlig a shearmonachadh.” “Tapadh leibh,” arsa Aonghas Og, ’s e ’g éirigh a rithis, “ach an innis sibh so dhomh—a bheil e mar fhiachaibh air Beurla a shearmonachadh?” “Is ceisd eile sin,” fhreagair Maighstir Dòmhnull còir, ’s e cur air a speuclairean—“Ma tha buidheann ceangailte ris an Eaglais nach tuig a’ Ghàidhlig bhiodh e ceart agus cubhaidh gu ’m biodh uidheamachadh air a dheanamh air an son-san, ach mur ’eil sin mar sin fóghnaidh dha searmonachadh ann an Gàidhlig.” Na’m faiceadh tu aghaidh a’ Mhaighstir-sgoil agus an Lighiche ’n uair a bha Aonghas a’ cur nan ceistean—cha robh boinne fola ’nan corp nach deachaidh ’nan ceann. Dh’ éirich a nis Dòmhnull an Tuairneir a dh’ fheòraich an robh e mar fhiachaibh orra gabhail ri roghainn na buidhne-taghaidh. “Cha ’n ’eil,” fhreagair am Ministear, “ach ma tha iadsan aon-sgeulach, ’s nach gabhar ri ’n roghainn, tha e nochdadh nach ’eil earbsa aig a’ cho-thional ann an comas-taghaidh na buidhne [TD 117] a chaidh a chur air leth air son an aobhair so.” “Air a shon sin dheth, cha chuir e cualag orm,” fhreagair Dòmhnull, ’s e suidhe sìos. Có bha ’na shuidhe air beulaobh Aonghais Oig ach Lachunn Faoin, agus mur do mheall mo shùilean mi chunnaic mi Aonghas a’ cur cagair an cluais Lachainn, agus ann an tiota bha Lachunn bochd air a bhonnaibh. “A Mhinistear! a mhinistear!” arsa Lachunn, ’s a shùilean a lasadh ’na cheann—“có dhiu a thàinig sinn a so a thaghadh ministear sgìreachd no a sholaradh cliamhuinn do ’n bhodach Ghallda tha ’n Eidear-linn?” Bha fiamh a ghàire air Maighstir Dòmhnull ’n uair a fhreagair e gu sèimh—“Na cuireadh sinn cùram ort, a Lachainn, a laochain, fuirich ’s chì thu.” Chuir so crìoch air na ceistean, agus ghairm am Ministear air a’ Mhaighstir-sgoil, a bu rùn-chleireach do ’n bhuidhinn-thaghaidh, Iomradh na buidhne a leughadh. Rinn am Maighstir-sgoil so, agus b’ e brigh a sgeòil gu ’n robh iad aon-sgeulach ann a bhi ’g iarraidh air a’ cho-thional gairm a thoirt do ’n “Urramach Alfred George Gordon Webster. Dh’ éirich Fear an Tuim, agus ars’ esan ann am Beurla—“Tha mise gluasad gu ’n gabhar ris an Iomradh so. Leis gu bheil sinn aon-sgeulach cha ’n ’eil feum air tuillidh a ràdh.” An sin dh’ éirich an Sasunnach mór agus ars esan—“I say ditto to the Laird.” Mu ’n d’ fhuair am Ministear ùine air facal a ràdh, dh’ éirich am Maighstir-sgoil agus ars esan—“Tha mi ’n dòchus ma tha tuillidh bruidhne ri [TD 118] bhi ann, gur ann am Beurla a bhitheas i, chionn tha feadhainn a bhuineas do ’n cho-thional so aig nach eil Gàidhlig.” “Tha mise cur m’ aonta ris a sin,” ars an Lighiche, “tha Gàidhlig gu leòir agam fhéin ach tha fhios agam gu bheil a so uaislean nach tuig a’ Ghàidhlig.” An sin dh’ éirich Maighstir Dòmhnull agus seòrsa frionais air agus ars esan—“Gus a so ghiùlan sin air aghaidh cùisean ann an cainnt na sgìreachd, agus cha ’n ’eil mise a nis dol a chur glas-ghuib air nàistinn na sgìreachd. Tha cead aig gach duine labhairt anns a’ chànain a ’s docha leis. A bheil an co-thional a’ gabhail ri Iomradh na Buidhne-thaghaidh no nach ’eil?” Cha robh sùil a bha ’san Eaglais nach do thionndaidh an taobh a bha Eoghan Og, chas a’ Mhaighstir-sgoil ’fhiaclan, chagainn an Lighiche ’iongan. Dh’ éirich Eoghan Og, agus ars esan air a mhìn shocair, cho stolda ’s ged a bhiodh e anns a’ mhuileann no ’s a’ cheàrdaich—“Fhir na cathrach, agus a luchd-dùthcha—Tha mi meas gu bheil e mar fhiachaibh orm facal no dhà a ràdh aig an àm so, agus iarraidh air a’ cho-thional so cùl gu buileach a chur ri Iomradh na Buidhne-taghaidh. Cha ’n ann gun aobhar a tha mi ’g iarraidh oirbh so a dheanamh, agus, le ’r cead, feuchaidh mi ris na h-aobharan sin a chur f’ ar comhair gu h-aithghearr ann an Gàidhlig chruaidh choimhlionta—cànain bhlasda na sgìreachd ’san do rugadh ’san do thogadh sinn. An ainm a’ cho-thionail so tha mi toirt [TD 119] taing dhuibhse, a Mhaighstir Dòmhnull, air son a’ chothrom a thug sibh do ’n chànain aosda anns an do rinn ar n-athraichean aoradh anns an sgìreachd so, anns na linntean a chaidh seachad. Chaidh innseadh dhuinn barrachd is aon uair, gu bheil a’ Bhuidheann-thaghaidh aon-sgeulach agus air an aobhar sin gu ’m bu choir dhuinne grabhail ris an Iomradh aon-sgeulach so gun ghuth mór gun droch fhacal. Is bòidheach da-rìreadh a bhi faicinn bhràthairean a chòmhnuidh a ghnàth an sìth ’san ceangal caoin, ach faodar an t-sìth fhéin a cheannach tuilleas daor, agus faodaidh ‘aon-sgeulachd’ a bhi air a’ choisneadh ann an dòigh no dhà. Chuala sinn uile mu ‘Chreideamh a’ bhata-bhuidhe,’ ’s bha e nàrach gu leòir, ach cha robh e idir cho tàmailteach thruagh ris an aon-sgeulachd a tha air a cheannach le airgiod agus le òr, seadh no le cùrainn dheirg. Is sgìreachd Ghàidhealachd so—cho Gàidhealach ris an fhraoch—tha dhith oirnn ma ta, mar mhinistear, fior Ghàidheal—làn duine—aig am bi pailteas Gàidhlig, a labhras i anns gach bac is bealach gun fhiamh gun nàire, oir tha gu leòir anns an sgìreachd so aig nach ’eil aon làn beòil de Bheurla. Nis cha ’n ’eil mise dol a ràdh facal an aghaidh a’ Ghoill a thàtar toileach fhòirneadh oirnn mar mhinistear Gàidhealach. Faodaidh e bhi na dheadh Ghall, ach cha Ghàidheal idir e—cha bheò na thuigeas a Ghàidhlig, agus cha ’n urrainn e bàigh no tlachd a ghabhail ann a bhi labhairt cànain anns a bheil e cho éiginneach, [TD 120] lapach; oir cha bhi uair a dh’ fheuchas e ri Gàidhlig a bhruidhinn nach tog e gaire-magaidh ’na aghaidh fhéin. Cha ’n abair mi ’n còrr mu’n ghiollan mhaoth so—tha barrachd ghliocais ann an ceist Lachainn Fhaoin na chreideas sibh. Chì sinn! A nis facal no dhà mu ’n Bhuidhinn aon-sgeulaich so. Is fheudar gu ’n robh sinn uile ’n ar cadal ’n uair a chaidh na seòid so a thaghadh, oir tha cuid dhiu aig nach ’eil cuid no gnothach ris an sgìreachd no ri Eaglais ar n-athraichean, agus tha feadhainn eile ann agus an déigh dhaibh àite agus inbh a chosnadh troimh ’n Ghàidhlig cha luaithe fhuair iad na bha dhith orra na thug iad breab ’s a’ bhuaraich, ’s rinn iad dìmeas air cainnt am màthar agus tàir air cànain an athraichean—dhi-chuimhnich iad gu buileach a’ charraig ás an do shnaidheadh iad.” AM MAIGHSTIR-SGOIL—“Fhir na cathrach, feumaidh Eoghan Og ’fhacal a dhearbhadh. Rinn e cheana dhà no trì chasaidean nach ’eil fior.” EOGHAN OG—“Cha robh mi dol a thoirt a leithid de thàmailt do ’n Mhaighstir-sgoil agus d’ a chairdean s gu ’n ainmichinn duine seach duine, ach chuir e féin gu dùlan mi agus bitheadh a’ choire air a cheann fhéin. Bithidh aithreachas air a’ Mhaighstir-sgoil gu ’n d’iarr e orm m’ fhacal a a dhearbhadh. Faiceamaid ma tà có iad na priomh dhaoine anns a’ Bhuidhinn-thaghaidh so. Aig ceann na buidhne tha Fear an Tuim. Ged a rugadh ’s a thogadh e anns an sgìreachd, ma ’s [TD 121] fhior e fhéin cha ’n ’eil facal Gàidhlig aige—is math dha an nochd ma tha sin fior. Tha fhios aig Dia ’s aig daoine air an tàir a rinn esan air Eaglais na h-Alba agus air creideamh ’athraichean. Chaidh e fhéin ’s am fear nach maireann—am Ministear Mór—thar a chéile mu thogail ballachan a’ chladh, agus a chionn gu ’n do chuireadh an ruaig air mu ’n chùis, cha b’ fhiù ’s cha b’ fhiach leis ach Eaglais Shasunnach de dh’ iarrunn caisreagach a thogail aig slugan a’ ghlinne. Fhuair e ablach de mhinistear á Sasunn; ’s b’ fheudar d’ a luchd-oibre Eaglais na sgìreachd fhàgail agus dol a dh’ éisdeachd Beurla chruaidh Shasunnaich. Thàinig an geamhradh ’s theab h-uile duine meileachadh leis an fhuachd anns an Eaglais iarruinn. ’S e bh’ ann gu ’n d’ fhuaraich eud, no dìorras Fir an Tuim agus sguir e dhol an Eaglas agus cha robh an còrr fada a’ leanailt eiseimpleir, agus ann an ùine ghoirid thug e cead a choise do ’n Ministear, agus gu dearbh ’s ann air an duine bhochd a bha neul an acrais an latha dh’ fhàg e ’n sgìreachd. Tha ’n Eaglais sin a nis ’na h-àite-còmhnuidh aig na gobhlain-ghaoithe ’s aig na h-ialtagan. O ’n latha chuir Fear an Tuim agus am Ministear Mór a mach air a chéile gus a nochd, cha do chuir e chas taobh stigh de dhorus Eaglais na sgìreachd. So an duine th’ air ceann na Buidhne aon-sgeulaich so a tha a’ taghadh Ministeir air son na sgìreachd. Ach ciod a chòir a th’ aig Sasunnach mór na seilg air a bhi air clàr a’ cho- [TD 122] thional so? Cha ’n ’eil e anns an sgìreachd ach dà mhios ’sa bhliadhna agus cha ’n fhacas riamh gus an nochd ’san Eaglais e. Cha ’n e sin a mhàin, ach a chionn nach fhaigh e gillean a dhol leis a chum na seilg air an t-Sàbaid tha e dol do ’n Doire mhór agus a’ marbhadh ceòlraidh bhinn na coille, na h-eòin bhòidheach cheilearach, air feasgair na Sàbaid. Thigeadh e dhuinn gabhail ri roghainn an duine so; ’s ann aige fhéin a tha chòir air ministear a thaghadh.” AM MAIGHSTIR-SGOIL—“Tha e fuireach anns an sgìreachd aig an àm, ’s tha còir aige air a bhi air clàr na h-Eaglais.” EOGHAN OG—“Is annasach an teagasg so. Tha an Ceàrd Siosalach a chomhnuidh ’san Uuaimh-mhóir, agus is eòlach air sinn seach air an t-Sasunnach so, ’s cha do chuir am Maighstir-sgoil air clàr na h-Eaglais esan. Is cam ’s is dìreach an lagh so dà-rìreadh. Ach ciod a their mi mu ’n Ghall tha ’n Eidear-linn? Tha fhios aig a’ Mhaighstir-sgoil cho math ri duine ’san sgìreachd gur ann an sgìreachd Chill-ma-thunnaig a tha Eidear-linn ’s nach anns an sgìreachd so idir, ach tha esan air thùs ’s air thoiseach ann an taghadh ministeir air son na sgìreachd so, ged nach ’eil aona chuid àite-suidhe aige anns an Eaglais no plodach anns a’ chladh. Cha ’n ’eil facal Gàidhlig aige fhéin no aig an t-Sasunnach, agus tha iadsan ’gam meas féin murrach air ministear Gàidhealach a thaghadh. Am foghainn sin, no am feum mi m’ fhacal a [TD 123] dhearbhadh mu ’n fheadhainn a rinn fàradh de ’n Ghàidhlig agus ’na dhéigh sin a thilg ’san eabar i. ’N uair a bha Maighstir-sgoil agus Lighiche a dhith air an sgìreachd, b’ e h-aon de na cumhnantan gu’ m biodh Gàidhlig aca le chéile, a chionn gu ’m b’ i chànain sin cainnt nàistinn na sgìreachd. Am measg an dà bhanal a thairg iad féin bha am Maighstir-sgoil agus an Lighiche air a bheil sibh uile eòlach. Cha robh iad fada a so ’n uair a dh’ fheuch iad ris a’ Ghàidhlig a ghràineachadh as an sgoil agus as an Eaglais. Cha bhruidhinn a h-aon dhiu i ach cho ainmic ’s a dh’ fhaodas iad ’s cha ’n fhiach leò tighinn a dh’ éisdeachd searmoin Ghàidhlig. So curraidhean na Gàidhlig a tha dol a dh’ fhòirneadh a’ mhinisteir Ghallda so air an sgìreachd. An abair mi an còrr no am foghainn na thubhairt mi? Cha ’n fhiach leam mo theanga shalachadh le bhi bruidhinn mu na caillteanaich bhochda eile a bha air a’ chomunn thaghaidh. Cha robh de mhisneach aig a h-aon dhiu na sheas a suas air son na h-aona chainnt a bh’ aca, a’ Ghàidhlig. Ach cha ’n abair mi ’n còrr, oir ma tha gach sgeul fior cha d’ fhuair iad riamh an cothrom. ’S iad na Goill, na Sasunnaich, ’s na Pharasaich a rinn an taghadh ‘aon-sgeulach’ so, agus dà-rìreadh ‘is math gu ’m foghainn im odhar do chabhraich.’ Tha mise, ma tà, ag iarraidh oirbh cùl a chur ri Iomradh na Buidhne-taghaidh.” Shuidh Eoghan Og, agus shaoileadh tu gu ’n itheadh am Maighstir-sgoil ’s an Lighiche e. [TD 124] Dh’ éirich an sin Aonghas Og agus dh’ innis e gun do gheall an Sasunnach Cupan-baistidh òir do ’n cho-thional na ’n taghadh iad an Gall, gu ’n do gheall Fear Eidear-linn cùrainn ùr dhearg a chur air a’ chrannaig na ’n gabhadh iad ris an òganach a tha suiridh a nighinn, agus gu ’n do gheall Fear an Tuim ladar ùr na ’m biodh iad aon-sgeulach. “Am bheil sinne,” ars esan, “dol a reic ar cànain ’s ar n-Eaglais air son spàin no ladar? Cha ’n ’eil; ach bithidh sinn dìleas do dh’ Eaglais ar n-athraichean a dh’ aindeòin có theireadh e.” Gun tuille ràdh no dheanamh chuir an co-thional cùl gu buileach ri taghadh nan “cinneach,” agus chuir iad Buidheann ùr air leth, agus Eoghan Og air a ceann, gu ministear a thaghadh. ’S e mo bheachd gu ’n robh Maighstir Dòmhnull còir làn thoilichte leis mar a chaidh cùisean, ach tha Fear an Tuim, am Maighstir-sgoil, ’s an Lighiche, an rùn na biodaig do Eoghan Og, ach cha chuir sin cualag air Eoghan, oir ma ’s coma leis an Righ Eoghan is coma le Eoghan co dhiu. Theagamh gu ’n cluinn thu uam gu goirid a rithis, oir cha socraich cùisean anns an sgìreachd an dà latha so. Is mi do charaid dìleas, FIONN. [TD 125] MAIGHSTIR ALASDAIR AGUS MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. RUGADH Maighstir Alasdair, ministear ainmeil a bha an Ardnamurchan, ann an Uibhist. Bha càirdeas fada mach aige ri Mac-’ic-Ailein e fhéin. Rugadh e mu ’n bhliadhna 1656, agus an déigh a bhi air fhóghlum aig an tigh, chaidh e do Oil-thigh Glaschu. Chuir e crìoch air a’ chuairt anns an Oil-thigh sin mu ’n bhliadhna 1674. Goirid ’na dhéigh sin chaidh a shuidheachadh mar mhinistear Easbuigeach ann an sgìreachd Ardnamurchain. Phòs e té Nic Lachainn a mhuinntir na Morairne, agus chaidh iad a chòmhnuidh a Dhail-éile, am Mùideart, mu dheireadh na seachdamh-linn-deug. Dh’fheumadh gu ’n robh a shuidheachadh anns an sgìreachd car deuchainneach. Air an darna làimh cha robh ach Pàpanaich ri fhaotainn, agus air an làimh eìle, bha a cho-thional Easbuigeach air a sgaoileadh thar na sgìreachd air fad, agus Eaglais na sgìreachd aig Cille-Chòmhgan, teann air deich-mìle-fichead bho Dhail-éile. Shaoileadh duine, leis an astar mhór a bha eadar tigh a’ mhinisteir agus an eaglais, gu ’m biodh a’ chrannag falamh car tric, gu sonraichte an àm a’ gheamhraidh. Ach cha ’n ann mar sin a bha. Is ann ainmig nach deanadh Maighstir Alasdair an rathad d’ a chois Dòmhnach [TD 126] an déigh Dòmhnaich. Tha beul-aithris am Muideart ag innseadh cho làidir comasach ’s a bha Maighstir Alasdair—b’ e fhéin cas-shiubhal nam beann. A’ fàgail a thighe fhéin aig Dail-éile glé mhoch air maduinn na Sàbaid, ruigeadh e Cille-Chòmhgan roimh mheadhon latha, rachadh e troimh ’n t-seirbhis gu socair ciallach, ’s an sin bheireadh e aghaidh air a dhachaidh, a b’ àbhaist dha ruigheachd roimh mheadhon-oidhche. Mar so bha e coiseachd eadar leth-chiad agus trì fichead mile eadar dol is tighinn. C’ àite bheil am measg luchd nan casaga-dubha an diugh a chuireadh leth an asdair fo ’m bonn! ’N uair chaidh an creideamh Easbuigeach a dhi-stéidheachadh ann an Albainn agus an creidheamh Cléireachail (Presbyterianism) a chur ’na àite bha e mar fhiachaibh air a’ chléir Easbuigeich bóid a ghabhail a bhi dìleas do ’n bhan-rìgh Anna, cùl a chur gu buileach ris na Stiùbhartaich, agus am mionnan a thoirt gu’n robh iad a’ cùr cùil gu buileach ris gach gne chreideimh ach an creideamh Cléireachail. Bha Maighstir Alasdair ’na dhuine cùiseil pongail, agus dhiùlt e a chòta a thionndadh a thoileachadh àrd no ìosal, agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh a chur á dhreuchd anns a’ bhliadhna 1697. Tha e coltach nach do chuir so cualag air Maighstir Alasdair, oir ged a thug iad a phàigheadh suidhichte uaith bha an sluagh cho toigheach air ’s gu ’n do lean iad ris, agus cha ’n ’eil fios cinnteach gu’ n deachaidh aig Cléir Lathurna air [TD 127] fear eile chur ’na àite cho fad ’s a bu bheò e. Tha e air aithris anns an sgìreachd gu ’n d’ fheuch iad ris an eaglais éigheach bàn. Bha ann an Cléir Lathurna aig an àm duine gaisgeil a ghabh a’ chùis as làimh. B’ e so an t-Urramach Cailean Caimbeul, ministear Airde-Catan. Thachair càirdean Mhaighstir Alasdair air aig dorus Eaglais Chille-Còmhgan, agus dhiùlt iad a leigeil a stigh. Bha an Caimbeulach anns an deise-ghoirid, le claidheamh anns an darna làimh agus dag air ghleus anns an té eile; ’s a’ cur a dhruim ris a’ bhalla thug e dùlan dhaibh uile. Leugh e an t-òrdugh a fhuair e o ’n Chléir, agus thug e chasan as cho sgiobalta ’s a dh’ fhaodadh e. Bha Maighstir Alasdair ’na dhuine làidir pearsanta, agus tha naigheachdan air innseadh air cho smachdail ’s a bha e ’n uair a rachadh daoine thar a chéile aig feill no banais. ’N uair a bhiodh an fhuil blàth, ’s na seòid an geall air a bhi am badaibh a chéile rachadh am ministear eatorra, agus a’ toirt ruith fhàsgaidh orra le chéile chuireadh e ’nan suidhe ann an oisinn iad—cho bìth ri luch fo ladhar a’ chait. Cha tàinig fo cheannsal riamh na dh’ iarr an darna laimhseachadh o Mhaighstir Alasdair. Dh’ ainmich mi cheana gu ’n robh Maighstir Alasdair air a chuartachadh le Pàpanaich, agus tha e coltach nach robh e fhéin agus iadsan daonnan a’ teudadh. Cha b’ e ceisdean mu theagasg no mu chreideamh a bha tighinn eatorra ach cùisean a bhuineadh do ghàraidhean-crìche, buachailleachd [TD 128] agus ceartas eadar choimhearsnaich. Tha e coltach gu ’n robh cuid de ’n tuath-bhig a bha crìochadh ri fearann a’ mhinisteir a’ meas nach robh coire no cron ann a bhi leigeil leis a’ chrodh, tlàm no dha a thoirt á gart a’ mhinisteir, agus cha robh an garadh-tota eatorra uair air bith gun bheum as. Thug am ministear achmhasan uair no dhà do ’n bhuachaille agus do ’n tuath a b’ fhaisge dha, ach cha tug iad feairt air. Latha bha sin chunnaic am ministear an crodh anns a’ ghart ’s am buachaille ’g amharc orra. Cha do ghabh e diug air ach chaidh e ’n taobh a bha e agus thug e ruith thacaidh air, agus cheangail e ri craoibh e aig oir na coille, far an d’ fhuair an tuath e leth-mharbh leis an eagal. Cha robh talach aig a’ mhinistear air a bhuachailleachd ’na dhéigh so—ged a bha ’n tuath an rùn na biodaig dha. Uair a bha sin thuit do ’n mhinistear a bhi dol seachad air Loch-Seile, far an do thachair e air fear de na seòid sin air an robh fuath aige—’s e sin fear nach cum fhacal no a latha. Cheannaich an duine so mart luachmhor bho Mhaighstir Alasdair, ach air aon leisgeul no leisgeul eile cha do phaigh e i gus an robh foighidinn a’ mhinisteir air a caitheamh gu math tana. Air dhaibh tachairt ann an àite cho iomallach rug am ministear air amhaich air, agus thug e ruith thacaidh air; an sin tharruing e gu taobh sgàirneich e, agus chuir e sìos ann an toll am measg nam bulbhag e. Bha e cùirneachadh an tuill le lic thruim ’n uair thàinig Fear a’ Ghlinne [TD 129] air, a dh’ fheòraich ciod idir a rinn am fear a bha ’san t-sloc ’n uair a bha e trom air. Dh’ innis e do Fhear a’ Ghlinne nach robh ann ach prìosanachadh air son ainfheich. “Tha am peanas,” arsa Fear a’ Ghlinne, “trom gu leòir, ach tha eagal orm gu bheil do phàigheadh ni ’s fhaide bhuait na bha e riamh.” “Tha sin fior gu leòir,” fhreagair am ministear, “ach tha sinn reusanta; gheibh am prìosanach mu sgaoil am air bith ma gheibh e caraid earbsach a théid an urras air.” Rinn Fear a’ Ghlinne fèath-ghàire, agus ghabh e as laimh am mart fhaicinn pàighte, agus chaidh am prìosanach a leigeil as. Air do Mhaighstir Alasdair dà nighean a chall leis a’ bhric, rinn e imrich á Dail-éile do ’n eilean bheag ann an Loch-Seile ris an abrar Camus-tholman. Cha ’n ’eil fios cinnteach c’ uin’ a chaochail Maighstir Alasdair. Thachair e eadar 1720 agus 1725. Tha fios cinnteach againn nach robh e beò anns a’ bhliadhna 1727. Chaidh a thòrradh ann an Eilean Fhionnain, far a bheil carragh-cuimhne aig a cheann. Dh’ fhàg Maighstir Alasdair dà mhac, Aonghas—Aonghas Beag mar theirteadh ris—agus Alasdair am Bard. Ged a bha Aonghas beag, bha e cho làidir ri gearan. Bha e aig Blàr Chùil-fhodair ’na cheannard ann an arm Mhic-’ic-Ailein. ’N uair a chiùinich cùisean an déigh “Bliadhna Theàrlaich,” thill e air ais do Dhail-éile, far an do chuir e crìoch [TD 130] air a laithean ann an sìth. Thionndaidh e ’na Phàpanach bliadhnachan roimh Bhliadhna Theàrlaich. Phòs h-aon da nigheanan Raonull Dòmhnullach Cheann Loch Mùideart, a chaidh an coinneamh a’ Phrionnsa ’n uair a thàinig e air tìr am Mùideart. ALASDAIR, MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. B’ e Alasdair Dòmhnullach, am Bard ainmeil, darna mac Mhaighstir Alasdair, agus bha e daonnan air a shloinneadh air athair. Rugadh e air Dail-éile mu thoiseach na h-ochdamh-linn-deug. Tha e air aithris ’n uair chaidh e do Oil-thigh Glaschu gur ann chum e féin fhòghlum gu bhi ’na mhinistear, agus gu ’m b’ e so toil athar, ged a gheall Mac-’ic-Ailein a chuideachadh na ’n tugadh e aghaidh air an lagh. Cha ’n ’eil fios cinnteach ciamar a chaidh cùisean a shocrachadh; ach co dhiu chaidh Alasdair do ’n Oil-thigh, agus air dha bhi barraichte air sgoil a thogail rinn e buil mhath de ’n ùine bha e ’n sin, oir bha eòlas math aige air na sean chanainean. ’N uair a bha e anns an Oil-thigh, phòs e Sìne Dhòmhnullach á Dail-an-eas—“Sìne bheag nam brògan buidhe,” mar theireadh daoine rithe. Thug an ceum tubaisteach so, còmhla ri bàs athar, air cùl a thoirt air an Oil-thigh, agus thill e do dh’ Ardnamurchan mu ’n bhliadhna 1726. Trì bliadhna ’na dhéigh so gheibhear e ’na mhaighstir-sgoil agus ’na cheistear anns an sgìreachd sin. Bha [TD 131] an sgìreachd aig an àm cóig is dà fhichead mìle air fad agus mu dà fhichead mìle air leud. Air an aobhar sin bha aig an sgoil ri dol air imrich a a nis ’s a rithist—thall ’s a bhos air feadh na dùthcha, ’s bha aig a’ mhaighstir-sgoil ri dol air chodachan-oidhche am measg na tuath. Bha an sgoil tacan bhliadhnachan ann an Eilean Fhionnain, bha i mu bhliadhna an Cille-Chòmhgan, agus ré she bliadhna aig Coire-’mhuilinn an Ardnamurchan. Cha robh a dhuais mar mhaighstir-sgoil agus mar cheistear ach glé bheag. An uair a b’ àirde i cha robh aige ach ochd-puinnd-deug Shasunnach ’sa bhliadhna, agus na bliadhnachan mu dheireadh cha robh aig an duine bhochd ach a dhà-dheug. Mu ’n bhliadhna 1740 bha an Comunn ann an Dùn-éideann a bha cumail a suas na sgoil so, agus ris an abrar, “The Society for Propagation of Christian Knowledge,” deònach air Faclair Gàidhlig a chur ri chéile, agus thug Cléir Mhuile teisteanas do ’n Bhàrd mar an aon duine a b’ fheàrr a b’aithne dhaibh gu iarrtas a’ Chomuinn a ghiùlan a mach. Chaidh an leabhar so a chlo-bhualadh ’sa bhliadhna 1741, agus b’ e a’ cheud oidheirp air Faclair ann an cainnt nan Gàidheal. Tha e coltach mu ’n àm so gu ’n robh am Bàrd a’ fàs luaineach agus rinn a’ Chléir Mhuileach casaid ris a’ Chomunn Sgoile an Dùn-éideann gu ’n robh am Màighstir-sgoil tric bho ’n tigh ’s gu ’m b’ e a mhac, Raonull Dubh, a bha cumail an seòrsa sgoil [TD 132] a bh’ ann. Chuir an Comunn an cinn r’ a chéile achmasan a thoirt do ’n bhàrd, ach mu ’n d’ ràinig ainteas Cléir Mhuile agus achmhasan a’ Chomuinn Ardnamurchan, thug Alasdair breab ’sa bhuaraich, ’s thug e chasan as. Goirid ’na dhéigh so chuala am Bàrd sgal na pìoba ’s thuig e ’n ceòl— “Thàinig mo Rìgh air tìr am Mùideart, Rìgh nan Gàidheal Teàrlach Stiùbhart.” Cha bu ruith ach leum leis dol an còmhail a’ Phrionnsa. Fhuair e bhi ’na cheannard ann am feachd Mhic-’ic-Ailein, agus le dhag ’s le ghunna rinn e ’rathad do Ghleann-fionnan, agus bha e an àm a dh’ fhaicinn Bratach Bhàn a’ Phrionnsa air a togail ri crann. ’N uair a bha a’ Bhratach Bhàn a’ srannraich anns a’ ghaoith thog na laoich Ghàidhealach iollach àrd agus dh’ òl iad air a’ Phrionnsa ’s dhuisg an fhuaim mac-talla a’ Ghlinne. Chuir Ailean Dòmhnullach, brathair Fir Cheann-Loch-Mùideart, am Prionnsa ’na shuidhe air glùn a Bhàird a dh’ aithris as a thom taimh an Fhàilte iomraideach so— “A Theàrlaich mhic Sheumais, Mhic Sheumais mhic Theàrlaich, Leat shiùbhlainn gu h-eutrom, ’N am éigheach bhi màrsal,” etc. O ’n latha sin bha am Bàrd ’na dhuine ’s ’na dhithis ann an aobhar a’ Phrionnsa. Thog e air, a’ gleusadh a chlàrsaich, ’s a’ dusgadh misnich ann [TD 133] an clann nan Gàidheal. Bha e fhéin agus a bhràthair, Aonghas Beag, leis a’ Phrionnsa aig Cuil-fhodair. An déigh a’ chath ainmeil sin agus a’ bhruidealachd a thàinig as a dhéigh, bha am Bàrd agus a bhràthair ’g am folach féin ann an coilltean ’san còsan Cheann-Loch-nan-Uamh ann an Arasaig. ’N uair a shocraich cùisean mu dhà bhliadhna an déigh Chuil-fhodair, thug Mac-’ic-Ailein do ’n Bhàrd dreuchd bàillidh air oighreachd ann an Canna. Is anns an eilean so a bha e ’n uair a chlo-bhuail e a’ bhàrdachd an toiseach anns a’ bhliadhna 1751, cóig bliadhna an déigh blàr Chuil-fhodair, ’s gu dearbh bu mhath a mhisneach, oir anns an leabhar sin thug e leithid de smàdadh ’s de dhroch theanga do ’n Bhùidsear Cumberland agus do ’n fheadhainn a bha leis nach deanadh na coin comaidh riu. Bha aig an àm so aig a’ bhàrd am baile fearainn ris an abrar Eigneig, ann an Gleann-Uige air oighreachd Mhic-’ic-Ailein, far am faodadh e bhi gu seasgair sona gu crìch a làithean, na ’n cumadh e theanga dha fhéin. Ach ’s e bh’ ann gu ’m b’ fheudar do Mhac-’ic-Ailein a chur á Eigneig. Thug e dha fearann ann an Ionar-Aoidh ann an Cnòideart. ’S ann mu ’n àm so a sgrìobh am Bàrd “Imrich Alasdair á Eigneig.” ’Na dhéigh so bha baile fearainn aige air oighreachd Mhic-’ic-Ailein aig Camus-na-Talmhuinn. Cha d’ fhuirich e ach goirid an sin, agus thug a dheagh-charaid Mac-’ic-Ailein dha fearann aig Sanndaig. Ghiùlain e e-féin gu stuama beusach an Sanndaig agus mar so [TD 134] bhuidhinn e earbsa agus deadh-ghean an t-sluaigh. ’S ann an so a chaochail e mu ’n bhliadhna 1780. Bha cuid toileach a chur ’san uaigh taobh r’a athair an Eilean-Fhionnain, ach bha an aimsir cho fiadhaich nach robh e ’nan comas dol leis a’ ghiùlan do ’n eilean sin, agus mar sin chaidh Alasdair, mac Mhaighstir Alasdair, a chur fo ’n fhòid ann an cladh Chille-moire an Arasaig. A chuid de Phàrras dha! [TD 135] AM PÌOBAIRE STIALLACH AGUS NA RADAIN [Bho ’n Bheurla aig Raibeart Browning]. THA baile Hamelin air a shuidheachadh ann am Brunswick, faisg air baile-mór Hanover. Tha an Abhainn Weser a’ ruith seachad dlùth do bhallachan a’ bhaile air an taobh deas. Aite is taitniche cha ’n fhaca sùil riamh; ach aig an àm anns an do thachair ceann-fàth mo sgeòil, o chionn cóig ciad bliadhna, chuireadh e doilgheas air neach a bhi a’ faicinn mar bha muinntir a’ bhaile air an creach le radain. Radain! Chuir iad teicheadh air na coin, agus mharbh iad na cait. Theum iad na leanabain anns a’ chreathaill; dh’ ith iad an càise anns na fiodhain; dh’ imlich iad an eanraich á liadhan nan còcairean; tholl iad na baraillean ’s dh’ ith iad an sgadan. Rinn iad nid an boineidean-caomhanta nam fear, agus le ’n sgreadail s le ’n sgiamhail, air cóig-fichead fuaim is fonn, chuir iad na mnathan o bhruidhinn, agus mhill iad an cuid céilidhean. Mu dheireadh thàinig muinntir a’ bhaile a dh’aona bheum ’s a dh’ aona bhuidhinn gu Tigh-na-Comhairle. “Tha e soilleir,” ars iadsan, “nach ’eil ann an Uachdaran a’ bhaile ach nothaist; agus a thaobh [TD 136] na Comhairle is nàrach an gnothach gu ’m bitheamaid a’ ceannach fhallainnean rìomhach, cosdail, air son ùmaidhean do nach aithne, no aig nach ’eil toil, ìnnseadh dhuinn ciamar a tha sinn a’ dol a dh’ fhaighinn saor agus na radain a tha an impis ar sgrios. Tha sibh am beachd o ’n tha sibh air fàs ceigeach, sean, nach ’eil nì saoghalta agaibh r’ a dheanamh ach suidhe an so gu socharach ’nur trusganan basdalach, briagha! Is mithich dhuibh dùsgadh, fheara! Cuiribh ur n-eanchainnean air ghleus a dh’ fheuchainn an amais sibh air seòl no dòigh a chum ar togail as a’ chàs anns a bheil sinn, no cho chinnteach ’s a tha an deò annaibh théid ur sgiùrrsadh air cùl ur gnothaich!” An uair a chual an t-Uachdaran agus a’ Chomhairle am bagradh so, bha iad air an lìonadh le fiamh agus le imcheist. Shuidh iad fad uair an uaireadair anns a’ Chomhairle gun smid á beul. Mu dheireadh fhuair an t-Uachdaran a theanga, agus ars esan:—“Bheirinn m’ fhallainn shìoda air leth-chrun air ghaol a bhi mìle dh’ astar as a so! Tha e furasda gu leòir dhoibh iarraidh oirnn ar n-eanchainnean a chur air ghleus—Moire, tha mo chlaigeann truagh fhéin an impis sgàinidh mar tha, ’s is faoin domh bhi ’ga sgròbadh. O, na ’n robh agam inneal no eangach fo ’n ghréin a dheanadh stàth dhuinn! “Is gann a bha na facail so as a bheul an uair a chual e buille fann aig an dorus. “Ni-math- g’ ar dìon!” ars esan, “dé tha ’n sin? Cha ’n ’eil ach starum chas aig an dorus! Cha [TD 137] mhór nach leum mo chridhe as a chochall an uair a chluinneas mi nì ’sam bith coltach ri fuaim a dheanadh radan!” “Thig a stigh!” ars an t-Uachdaran ’s e a’ gabhail gnè mhisnich; agus mar thuirt, thàinig a stigh an t-aon duine b’ iongantaiche chunnacas. Bha e air éideadh ann an còta fada, bho chùl a chinn gu shàiltean, stiall de ’n chòta buidhe agus stiall dheth dearg. Bha e fhein caol, àrd, le sùilean gorma cho biorach ri snàthaid, falt mìn, fuasgailte, agus craiceann lachdann, odhar. Cha robh riob feusaig air smig no peirceall dheth, ach fiamh-ghàire an còmhnuidh a’ falbh ’s a’ tighinn air a bhilean tana, cruaidh. Cha robh fios aig duine ’n sin có e no cia as a thàinig e. Bha gach sùil làn ioghnaidh suidhichte air fear fada, caol, an eudainn neònaich. Arsa fear de na Comhairlich mu dheireadh—“Is ann a bheir e orm a shaoilsinn gu bheil mo shìn-sìn-seanair an déigh éirigh as an uaigh agus an saoghal a ghabhail m’ a chluasan.” Thug an coigreach ceum air adhart gu bòrd na Comhairle agus ars esan—“Ma ’s e ur toil e, is urrainn domh, le gisreagan dìomhair a tha agam, gach creutair beò fo ’n ghréin, a shnàigeas, a shnàmhas, a dh’ itealaicheas, no a ruitheas, a thàladh as mo dhéigh air dhòigh nach faca bhur sùil riamh a leithid. Agus tha mi mar is coitcheann a’ cleachdadh mo dhruidheachd air creutairean a tha cronail do dhaoine—mar tha ann, faimh, no losgannan, dearcan-luachrach no nathraichean. Is [TD 138] e a their sluagh rium ‘Am Pìobaire Stiallach.’” Air dha so a ràdh thug iad an aire gu ’n robh aige m’ a amhaich crios-muineil dearg is buidhe a’ fhreagairt do ’n chòta stiallach. Aig ceann a’ chrios-mhuineil bha aige an crochadh feadan-ciùil, agus bha a mheòir a ghnàth ’s gun tàmh a’ ruith thairis air an fheadan mar gu ’m biodh iad air bhiodaibh gu ceòl a thoirt as. “Coma co-dhiùbh,” ars esan, “pìobaire bochd ’s mar a th’ annam, chuir mi as do phlàigh mheanbh-chuileag ann an Sìona anns an t-samhradh ’chaidh seachad; agus shaor mi Uachdaran nan Innsean-an-Ear bho sgaoth eagalach de dh’ ialtagan fuileachdach. A nis a thaobh a’ ghnothaich a tha a’ cur a leithid de bhuairean oirbhse, ma dh’ fhàgas mi am baile so cuidhte ’s na radain, an toir sibh dhomh mìle bonn òir?” “Aon mhìle? bheir leth-chiad mìle!” ghrad thuirt an t-Uachdaran agus na Comhairlich. A mach gus an t-sràid steòc am pìobaire agus fiamh-ghaire air a bheul, mar gu ’m biodh sàr fhios aige an cumhachd iongantach a bha anns an fheadan. An sin, mar phìobaire ealanta, phreas e a bhilean a shéideadh an fheadain, agus a shùilean biorach, geur, a’ priobadh gu h-uaine ’s gu gorm, mar lasair coinnle air an crathadh neach salann. Mu ’n d’ thug e trì pongan as a’ phìob chualas fuaim mar thoirm feachd; is dh’ fhàs an toirm gu monmhar, is dh’ fhàs am monbhar gu starram, is dh’ fhàs an starram gu straighlich; agus am mach as na tighean bhrùchd na radain. Radain [TD 139] mhóra, radain bheaga, radain chaola, radain shultmhor, radain dhonna, radain dhubha, radain liatha, radain odhar; seann slaodairean ceigeach, lasgairean òga, mireagach; athraichean, màthraichean, oideachan, daltaichean, gu h-earballach, feusagach; teaghlaichean ’nan dusain agus ’nam ficheadan—bràithrean is peathraichean, lean iad am pìobaire an deanna nam bonn. Ghabh e air aghaidh a’ seinn o shràid gu sràid, agus ceum air a cheum lean na radain e, gus an do ràinig iad an Abhainn Weser, far an do leum iad a stigh agus chaidh am bathadh a h-uile h-anail diubh. B’ fhiach i a h-éisdeachd an iolach a rinn sluagh a’ bhaile. Bha gach clag a’ seirm gus nach mór nach do leag iad na stìopaill. “Togaibh oirbh,” ars Uachdaran a’ bhaile, “agus faighibh sleaghan fada; brodaibh is creachaibh na nid agus dùinibh suas na tuill. Cuiribh saoir agus clachairean an greim gus nach fàg sibh lorg no coltas radain anns a’ bhaile.” Is gann a labhair e na facail an uair a choc am pìobaire suas a cheann anns an àite-mhargaidh agus ars esan—“Mo mhìle bonn òir an toiseach, ma ’s e ur toil e!” Mìle bonn òir! Mhùth an t-Uachdaran neul, ’s rinn a’ Chomhairle a leithid eile. A leithid sin de shuim a thoirt do dh’ allabanach fuadain le còta stiallach, dearg is buidhe! “A bhàrr air sin,” ars an t-Uuachdaran, agus e a’ caogadh le ’leth-shùil, “chaidh na bha ’dhìth oirnne a dheagh choimhlionadh aig bruach na h-aibhne; chunnaic ar sùilean [TD 140] fhéin na béistean a’ dol fodha anns an t-sruth; agus na tha marbh an grunnd na h-aibhne, cha ’n ’eil e coltach gu ’n till iad a chur dragh’ tuilleadh oirnn. Bho ’n tha sin mar sin, a charaid, cha diùlt sinn deoch leanna dhuit, no tasdan no dhà a chur a’d sporan, ach air son buinn òir an uair a labhair sinn orra, cha robh sinn mar is math a tha fhios agad, ach ri fealla-dhà. A thuilleadh air sin rinn gach calldachd a dh’ fhuiling sinn ar fàgail crìonna. Mìle bonn òir! Gabh leth-chiad ’s thoir thu fhéin as!” Thàinig dubhar air gnùis a’ phìobaire, agus ghlaodh e mach—“Togaibh d’ ur sgallais! Tha cabhag orm, oir gheall mi bhi ann am Bagdad trath-feasgair a chur as do ghur scorpion a tha air neadachadh ann an ceann-ceathairne tigh an Iompaire. Na bithibh am beachd gu ’n strìochd mi aon sgillinn odhar de m’ chòir; agus iadsan a chuireas mì-thlachd orm theagamh gu ’m fiosraich iad gur urrainn domh mùthadh ciùil a thoirt as an fheadan.” “Moire fhéin!” ars an t-Uachdaran, “a bheil de dhànadas agad a smaointeachadh gu ’n leig sinn le pìobaire leibideach, leasg fo fhallainn stiallaich, masladh a thoirt duinn? Tha thu a’ bagradh oirnn, ’ille! Tha sinn a’ toirt dùlain duit; séid do phìob gus an sgàin thu fhéin is ise!” Thug am pìobaire aon uair eile ceum a mach gus an t-sràid, agus aon uair eile chuir e ’na bheul am feadan mìn, dìreach, cuilce. Is gann a thug e trì pongan as a’ phìob—pongan cho binn, taitneach, [TD 141] ’s a chualas riamh le cluais—an uair a chualas farum coltach ri othail sluaigh mhóir a’ strìth ’s ag amladh a chéile; bha casan beaga a’ tailmrich—brògan beaga a’ cnapadh, basan beaga a’ bualadh, teangannan beaga a’ prabartaich, agus mar an eunlaidh anns an iodhlann an uair a sgapar sìol, a mach thàinig a’ chlann ’nan ruith. Na balachain bheaga ’s na caileagan le ’n gruaidhean dearga ’s le ’n camagan mìne, le sùilean meara ’s le deudan cailc-gheal, ruith iad gu lùthmhor, iollagach, gu leumnach, sùrdagach, gu farumach, sùrdail an déigh a’ chiùil gun choimeas. Bha an t-Uachdaran gun smid as a bheul, agus sheas a’ Chomhairle gun char mar gu ’m biodh annta stuic fhiodha, gun chomas gluasad no facal a ràdh ris a’ chloinn a bha a’ gabhail gu sùrdail seachad; cha b’ urrainn doibh nì a dheanamh ach sealltainn le sùil mi-fhoisnich as deigh na cuideachd shùnndaich a bha a’ siubhal an cois a’ phìobaire. Ach is ann a bha an t-Uachdaran fo imcheist gu buileach, agus cridheachan nan Comhairleach an impis sgàinidh an uair a theann am pìobaire a sìos bho ’n t-Sraid Aird a dh’ ionnsaidh an àite anns an robh an Abhainn Weser a’ siubhal seachad dìreach air thoiseach air an cuid mac is nighean. Coma-co-dhiùbh, thionndaidh e o ’n deas gus an iar agus stiùir e ’aghaidh air Dun-Sìthe, agus as a dheigh ghabh a’ chlann. Thug so faothachadh mór do gach neach. “Cha tig an là a théid iad thairis air a’ bheinn àird sin; tha e a’ sgur d’ a cheòl [TD 142] agus chì sinn ar cuid cloinne a’ tilleadh dhachaidh.” Ach feuch, an uair a ràinig iad taobh na beinne, dh’ fhosgladh dorus farsaing, mór, mar gu ’m biodh uaimh air a cladhach ann am priobadh na sùl; agus ghabh am pìobaire air adhart agus a’ chlann aig a shàil. An uair a bha iad uile a steach ghrad dhuineadh an dorus gu teann, cruaidh, ann an taobh na beinne. Chuir an t-Uachdaran a mach teachdairean an ear ’s an iar, tuath is deas, a thairgseadh do ’n phìobaire, c’ àite air bith am faighteadh e, na thogradh e de dh’ airgead ’s de dh’ òr na ’n tilleadh e an taobh a chaidh e, agus na ’n tugadh e air an ais leis a’ chlann bheag. Ach cha b’ fhada gus am facas nach robh ’na thairgseadh ach oidhirp gun bhuil. Bha am pìobaire agus na dannsairean air falbh gu bràth tuilleadh. Ach is fheudar dhomh innseadh gu bheil ann an àite sonraichte air taobh an ear na Roinn Eorpa, treubh de dhaoine neònach a bhios ag innseadh gur e is aobhar do ’n éideadh iongantach a tha iad a’ caitheamh, gun d’ thàinig an athraichean agus am mathraichean a mach á uaimh fo ’n talamh, chum an robh iad o shean air am mealladh ’nam buidhinn mhóir, bho bhaile Hamelin ann am Brunswick; ach ciamar no c’ ar son cha ’n ’eil fhios aca. [TD 143] EACHDRAIDH CHLOINN GHRIOGAIR. Is iad facail-shuaicheantais a’ chinnidh so “Is Rioghail mo dhream,” oir tha iad a’ tagairt dlùth-chàirdeas do h-aon de na sean rìghrean Albannach—Coinneach Mac Ailpein, aig an robh, ma ’s fior an sgeul, mac d’ am b’ ainm Griogair. Bitheadh sinn mar thogras e cha ’n ’eil dà dhoigh nach ’eil an cinneadh gle aosda, oir tha an sean-fhacal ag ràdh gur comh-aoisean— “Cnuic is sluic is Ailpeinich.” Bho shean bha seilbh aca ann an Earra-ghàidheal agus ann an Siorramachd Pheairt—a’ ruith bho Loch-Raineach gu Loch-Laoiminn, agus bho Bhealach, Loch-Tatha, gu Loch-Eite ann an Lathurna. Bha an ceann-cinnidh a’ tuineachadh ann an Gleann-Urchaidh, ann an Earra-ghàidheal. B’ e am bòsd daonnan gu ’n cumadh iad an seilbh le còir a’ chlaidheimh. Tha e coltach mu thoiseach na ceithreamh linn deug gu ’n do chuidich Cloinn Ghriogair le Mac Dhùghaill Lathurna ’n uair a bha e fhéin agus Bruce thar a chéile. Cha do dhi-chuimhnich Bruce so ’n uair a chaidh a chrùnadh, agus ’s e bh’ ann gu ’n do bhuilich e cuid mhath de fhearann Chloinn Ghriogair air a chàirdean féin. ’N uair a bha an coimhearsnaich, na Caimbeulaich, agus fineachan [TD 144] eile a’ faighinn ’s a’ gabhail còirichean sgrìobhte o ’n rìgh air an cuid fearainn, cha b’ fhiù ’s cha b’ fhiach le Cloinn Ghriogair còir air bith ach “còir a’ chlaidheimh.” Gun fhios dhaibh bha cuid de ’m fearann air a bhuileachadh leis an rìgh air na Caimbeulaich, agus thog so brionglaid is tàsanachd nach bu bheag eadar an dà fhine so. A lìon beagan is beagan thug na Caimbeulaich uapa earann mhath de Ghleann-Urchaidh gus, anns a’ bhliadhna 1442, an robh an Ridire Cailean Caimbeul, darna mac Dhonnachaidh Ridire Loch-Odha, air a shloinneadh air Gleann Urchaidh. Bha an cinneadh a nis gun fhonn gun fhearann. Ach ged a chaill iad an còir dligheach air am fearann bha iad tuillidh ’s lionmhor agus comasach gu bhi air an sguabadh ás an dùthaich anns an robh iad cho fada a’ tuineachadh. Air an aobhar sin shuidh iad mar bh’ aca, cuid dhiu mar thuath, ach aig a’ cheart àm cho neo-eisimeileach ’s a bha iad riamh, ’s gun ag aideachadh neach fo ’n ghréin mar an ceann-cinnidh ach An t-Ailpeanach. Bha iad air an cur thuige anns gach bac is beallach, ach a dh’ aindeòin so uile cha d’ fhàs iad fann no meata, agus cha b’ ann aon uair idir a rinn iad cleas na h-eilde aig Donnachadh Bàn—mar a tha e ’g ràdh— “’N uair a shaoil leam i bhi buailte Sud an uair a b’ àirde leum i.” ’N uair a rachadh Cloinn Ghriogair a chur fodha ’s fo smachd ann an aon àite, bha iad a’ togail cinn [TD 145] ann an àite eile, ’s mo thruaighe iadsan a chuireadh ’nan aghaidh. Bha iad cearta coma có bu rìgh no có b’ uachdaran, chumadh iadsan an cuid ’s an comhairle fhéin “olc air mhath le càch e.” Theagamh na ’n robh iad ni b’ fhaide mu thuath nach gabhadh daoine a leithid de othail dhaibh, ach thuit dhaibh a bhi aig oir na Galldachd, agus teann air na cùirtean lagha, agus cha robh e coltach gu ’n rachadh aca air giùlan air aghaidh mar a thogradh iad gun chead gun chomhairle. ’S e bh’ ann gun deachaidh gach cumhachd a bha cùl an lagha a ghluasad ’nan aghaidh. B’ iad na Caimbeulaich na naimhdean a bu mhiosa a thachair air Cloinn Ghriogair ré na cóigeamh linn deug. Le miodal is brosgul fhuair iad oighreachd an déigh oighreachd o ’n rìgh agus a’ toirt utag thall ’s a bhos do gach cinneadh a bu laige na iad féin, rinn iad an rathad do Ghleann-Urchaidh ’s o sin gu Braid-Albann gu ruig Loch-Tatha nam bradan, a’ saltairt ’s a’ sgapadh Chloinn Ghriogair anns an sgrìob a bha romhpa. An àite a bhi ’nan aona bhuidhinn ’s ann a bha Cloinn Ghriogair air an roinn ’nan dà earrann—h-aon dhiu mu bhruachaibh Loch-Raineach agus ceann mu thuath Ghlinn-Urchaidh, agus an t-aon eile mu bhruachaibh Loch-Laoiminn, mu Ghleann-Falach agus Bhoth-chuidir. As na cearnaidhean so rinn Cloinn Ghriogair a suas an inntinn gu ’n tugadh iad an t-searbhag do na Caimbeulaich, agus air m’ fhacal, cha d’ rinn iad leth-obair dheth. Anns [TD 146] a’ chóigeamh linn deug cha d’ rugadh Mac Griogair eadar beul Loch-Tatha agus Gleann-Urchaidh nach robh air a theagasg gu ’m b’ e a chrioch àraidh a bhi ’n rùn na biodaig do na Caimbeulaich, agus gu ’m b’ e ’ghliocas agus a dhleasanas a bhi ’nan sealbhan a h-uile cothrom a gheibheadh e. A dh’ innseadh na firinn cha robh tighinn beò aig Cloinn Ghriogair ach na shlaideadh iad o shìol Dhiarmaid an Tuirc. Mar so choisinn iad an t-ainm a fhuair iad mar chreachadairean is spùinneadairean na dùthcha. Anns a’ bhliadhna 1488, a’ bhliadhna a fhuair Seumas IV. air an rìgh-chathair, chaidh Achd Pàrlamaid a thoirt a mach an aghaidh chreachadairean, ghadaichean, agus luchd-reubainn, agus bha e mar fhiachaibh air na h-uachdarain grabadh is bacadh a chur air a leithid so de mhi-ghnàthachadh air an oighreachdan féin. Cha ’n ’eil teagamh nach b’ iad Cloinn Ghriogair a bha gu sònraichte ’san amharc ’n uair a chaidh an t-Achd so a thoirt a mach, agus mar sin chì sinn gun deachaidh na h-uachdarain a leanas a shònrachadh a chum Cloinn Ghriogair a choirt chuige—Donnachadh Caimbeul, Fear Ghlinn-Urchaidh; Eóghan Caimbeul, Srath-churra; agus Nial Stiùbhart, Fear Fhartaichill. Lean sinn a nis eachdraidh Chloinn Ghriogair gus a’ bhliadhna 1500, agus mu ’n àm so gheibhear iad cha’n ann air an sgaoileadh thairis air Siorramachd Pheairt agus Siorramachd Earra-ghàidheil mar a b’ abhaist dhaibh a bhi, ach air an cruinn- [TD 147] eachadh ’nan dà mheall mór, h-aon dhiu mu bhruachaibh Loch-Raineach agus an t-aon eile mu bhruachaibh Loch-Laoiminn. B’iad na Caimbeulaich a thug so mu ’n cuairt, ach mu thoiseach na seathamh linn deug gheibhear Cloinn Ghriogaìr Rainich agus na Mèinnirich a’ cagnadh a chéile gu searbh salach. Anns a’ bhliadhna 1502, tha e coltach gu ’n d’ fhuair ceann-cinnidh nam Meinnearach, aig an robh cuid mhath fearainn cheana, còir air fearann mu Raineach. Ann a bhi toirt dha an fhearainn so cha do chuir e iomagain air an luchd-riaghlaidh a bha ’ga thairgseadh do’n Mheinnearach ciod a dh’ eireadh do Chloinn Ghriogair, a bha an seilbh air a’ cheart fhearann so. Cha d’ rinn iad ach a ràdh ris, “So agad sgeòd mhath de fhearann ciatach aig Cloinn Ghriogair is leatsa e ma chuireas tu Meinnearaich ’nan àite.” Tha e coltach gu ’n robh Am Meinnearach sanntach, socharach, agus air dà am fearann a ghabhail air na cùmhnantan sin thòisich e air cur an òrdugh chum Cloinn Ghriogair fhuadach á ’n cuid ’s á ’n còir. Cha b’ ann de ’n ghnè Cloinn Ghriogair gu ’n cailleadh iad an cuid ’s an còir gun fhios c’ ar son; b’ e bu dòcha gu ’m biodh “a’ chuid a bu mhiosa aig a’ bhus a bu taise,” agus thuig na Meinneirich so mu ’n d’ fhuair iad cuidhte ’s na Griogairich. Lean iad ri ’m fearann cho diongmhalta ’s a leanas na bàirnich ris na sgeirean, agus ’s e bh’ ann mu dheireadh gu ’n robh Am Meinnearach seachd searbh dhiu, oir cha ’n e mhàin nach fàgadh iad [TD 148] am fearann, ach an dràsd ’sa rithist bheireadh iad sgriob gu fearann a’ Mheinneirich agus thogadh iad creach air. Ged a bha còir aig a’ Mheinneireach e fhéin a shloinneadh air Raineach—fearann Chloinn Ghriogair, cha do rinn na fhuair e de mhàl riamh bho na Griogairich a sporan a bheag na bu truime. Leis gu ’n robh e mar fhiachaibh air-san Cloinn Ghriogair a chumail an òrdugh—nì b’ fhasa ràdh no dheanamh—’s e bh’ ann mu dheireadh gu ’n do ghearain e nach b’ urrainn e an cinneadh so a cheannsachadh, gur ann a bha iad a’ faotainn làmh an uachdair air-san, agus an déigh seilbh a ghabail air cuid de ’n fhearann a bhuineadh dha o thùs, agus brath a chur á chuid fearainn gu buileach. Lean cùisean mar so ré na seathamh linn deug, ’s fhuair na Meinneirich an t-searbhag de na Griogairich. Tuillidh teannaidh orra, cha d’ fhuair iad ach na thoill iad! ’S ann mar so a bha cùisean an Apainn a’ Mheinneirich, ’s cha robh cor nan Griogaireach ann am Both-chuidir agus mu oirean na machair Ghallda a bheag ni b’ fheàrr. Tha fhios gu ’n robh nàimhdean Chloinn Ghriogair na bu lionmhoire na na Mèinneirich, oir bha na Caimbeulaich, ’s Mac Cailein air an ceann, ’g an cagnadh a h-uile cothrom a gheibheadh e. Bha Cloinn Ghriogair air fàs cho luaineach ’s cho coma-co-dhiu nach gabhadh iad cumail aig an tigh; bha iad a ghnàth ’s gun tàmh a’ toirt sgriob thall ’s a bhos ’s a’ togail [TD 149] creach shios is shuas, gus an d’ éirich an dùthaich uile ’nan aghaidh. Mu dheireadh thall chaidh ùghdarras a thoirt seachad anns a’ bhliadhna 1563 Cloinn Ghriogair a chur fodha a dheòin no a a dh’ aindeòin, agus chaidh an cumhachd so a chur ann an làmhan Mhic Cailein agus sè no seachd uachdarain fearainn eile ann an Siorramachdan Earra-ghàidheal agus Pheairt. A bharrachd air a so cha robh duine beò ri aoidheachd a thoirt do ’n chinneadh. Théid mise ’n urras nach do rinn na Caimbeulaich agus na seòid a bha leotha leth-obair de ’n chùis; cha bu ruith ach leum leotha dol am bad nan Griogaireach, agus bha Fear Ghlinn Urchaidh cho fuilteach dhiorrasach gu’m b’fheudar dhaibh an t-ughdarras a fhuair e a thoirt air ais, oir cha ’n fhóghnadh leis ach gach h-aon a thug aoidheachd do ’n chinneadh mhi-shealbhach so a chrochadh ri crann. Mu ’n àm so gheill cuid de ’n chinneadh agus chuir iad an earbsa á luchd-riaghlaidh na rioghachd—a’ bòideachadh gu ’m biodh iad ùmhail sàmhach ’na dhéigh so. Sheas a’ bhuidheann a bu mhodha gu dùr, dannara—“mar chlacha dubha an aghaidh an t-sruth,” agus thug iad dùlan d’ an naimhdean. Ré teann air trì cheud bliadhna bha Cloinn Ghriogair air an ruagadh ’s air an sàrachadh a dh’ oidhche ’s a latha, ’s gun chead aig an càirdean ’s an luchd-daimh cuid-oidhche a thoirt dhaibh. Ach bha cùisean a’ tighinn gu aona-cheann. ’N uair a bha Rìgh Seumas IV. air a’ chathair [TD 150] bha comh-strìth gharg eadar na Drumanaich agus Clann Mhoireadh Athaill, dà chinneadh cumhachdach a bha a’ tuineachadh ann an taobh deas Siorramachd Pheairt. Dòmhnach a bha sin ghlac na Drumanaich mu ochd fichead de Chloinn Mhoireach ann an eaglais Monadh-a’-bhaird. Chuir iad teine ris an eaglais, loisg is thac iad na bha innte, ach a mhàin a h-aon a thug duibh-leum troimh na lasraichean, agus ghabh fear de na Drumanaich truaghas dheth agus leig e cead a choise dha. Air a shon so b’ fheudar do ’n Drumanach a chasan thoirt ás cho luath ’s a dh’ fhaodadh e, ’s tha e coltach gu ’n tug e Eirinn air. Thog an gniomh uamhasach so corruich an t-sluaigh an aghaidh nan Drumanach, agus chaidh binn a thoirt a mach ’nan aghaidh agus chaidh móran dhiu a chrochadh. ’N uair a chiùinich cùisean tha e coltach gun do thill an Drumanach a theich a dh’ Eirinn, le ’theaghlach agus ’s iad na Drumanaich-Eireannach a theireadh iad ris an dream ’na dhéigh so. Anns a’ bhliadhna 1589 thuit gu ’n robh ogha de ’n Drumanach-Eireannach ’na fhorsair ann am frìth Ghlinn-Artnaidh, teann air àite-tuineachaidh buidheann de Chloinn Ghriogair, a bha dol fo ’n ainm Cloinn-a’-cheathaich. Tha e coltach gu ’n robh an Drumanach agus Cloinn-a’-cheathaich an rùn na biodaig d’a chéile, a chionn gu ’n do chroch e cuid de ’n dream air son spùineadh is slaid a rinn iad anns an fhrìth a bha fo a chùram, agus ’s e bh’ ann gu ’n do ghabh buidheann fàth air anns an [TD 151] fhrìth, thug iad an ceann dheth, agus sgioblaich fear de Chloinn Ghriogair leis an ceann ann an sgòd a’ bhreacain. Thaghail iad ann an Tigh Aird-mhórlaich agus gu ladurna dh’ iarr iad biadh is deoch o bhean-an-tighe—a bu phiuthar do ’n Drumanach a bha iad an déigh a mhort. Bha fear-an-tighe bho ’n tigh, agus chuir bean-an-tighe aran is càise air a’ bhord, ag iarraidh orra sin a ghabhail gus am bitheadh ni b’ fheàrr deas aice dhaibh. ’N uair a chaidh i mach ghabh iad ceann a bràthar agus chuir iad air a’ bhòrd e, a’ lionadh a bheòil le aran is càise, ’s ag iarraidh air itheadh, oir gur iomadh tràth math a dh’ ith e anns an tigh so. ’N uair a thill bean-an-tighe ’s a chunnaic i ceann a bràthar air a’ bhord, thug i aon ghlaodh aisde agus a mach ghabh i do ’n choille a bha teann air an tigh. Chaidh i glan ás a ciall agus bha i fada nach do chuir i ceann a stigh air dorus—a’ cadal a mach ’s a’ tighinn beò air measan fiadhaich—brisgeinean is braoineanan, is lusan na machrach. Ach a thilleadh gu Cloinn Ghriogair; tha e coltach gu ’n do chuimhnich iad an sean-fhacal: “Dean an t-olc ach feith r’ a dheireadh,” oir thog iad orra gu sean eaglais Bhoth-chuidir—a’ toirt leotha ceann an Drumanaich. Ghairm iad an cinneadh an ceann a chéile gus an eaglais, agus a cur ceann an Drumanaich air an altair b’ fheudar do gach mac màthar dhiu—’s an ceann-cinnidh air an ceann, a làmh a chur air ceann fuilteach an Drumanaich agus bòideachadh gu ’n seasamh e [TD 152] dìleas do chàch ’s nach brathadh e esan a rinn an gniomh uamhasach so. Bha Cloinn Ghriogair aon uair eile ann an cùil-chumhainn. Chaidh binn a thoirt a mach ’nan aghaidh mar chinneadh, agus chaidh ùghdarras a thoirt do Mhoraire Hunndaidh, Diùc Earra-ghàidheal, Diùc Athaill, An Drumanach, agus uachdaran no dhà eile dol an tòir air Alasdair Mac Griogair, Fear Ghlinn-srath, agus mu dhà cheud de ’n chinneadh a bha air an ainmeachadh air ainm, agus an glacadh. A bharrachd air a so bha comas aca fear ’sam bith de ’n chinneadh a chur an gainntir, agus h-aon air bith a bheireadh aoidheachd do ’n chinneadh a glacadh ’s a chur am priosan. Bha an t-ùghdarras so ri bhi aig a’ bhuidhinn a chaidh ainmeachadh, ré thrì bliadhna. Théid mise ’n urras nach ann meata a bha na seòid a fhuair an t-ùghdarras so. B’ e Alasdair Ruadh Mac Griogair a bha air ainmeachadh anns a’ bharantas, a bha ’na cheann-cinnidh anns an àm. Bha e ’na dhuine fearail, gaisgeil, a chaill a chuid gu buileach mu’n bhliadhna 1554, agus a dh’fhuiling móran ré nam bliadhnachan fuilteach sin, ’n uair a chaidh oighreachd a thoirt seachad do Chaimbeulach Ghlinn-Urchaidh. Chaidh athair a chur gu bàs, ’s chaidh e féin a chur á seilbh, agus b’ fheudar dha a chinneadh a leanailt agus tighinn beò mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh e. Air a shon sin uile chunnaic e glé mhath nach robh ann ach faoineis de ’n chinneadh a bhi cath- [TD 153] achadh an aghaidh lagh is luchd-riaghlaidh na dùthcha, agus b’e mhiann, na ’n gabhadh e deanamh, e féin agus a chinneadh a shàbhaladh. Anns a’ bheachd so rinn e comh-cheangal anns a’ bhliadhna 1591 ri Ridire Ghlinn-Urchaidh, agus uachdarain ann an Siorramachd Pheairt—le aontadh luchd-riaghlaidh na rìoghachd, anns an do bhòidich e air a shon féin agus air son a luchd-leanailt gu ’n seachaineadh iad gach mort is milleadh, gach creachadh is mi-ghnàthachadh a bha air an cur as an leth anns na bliadhnachan a chaidh seachad, agus tha e coltach gu ’n deachaidh ainm-san a thoirt ás a’ bharantas a chaidh ainmeachadh cheana. Ach b’ fhasa so a ràdh no dheanamh, mar a dh’ fhairich Mac Griogair bochd ann an ùine ghoirid. Cha robh e farasda daoine bha tighinn beò air an t-slaid ré am beatha a dheanamh ionraic, fìrinneach ann an aona ràidhe no ann an aona bhliadhna. ’S e bh’ ann gu ’m b’ fheudar do Mac Griogair agus na h-uachdarain a chaidh an urras leis aideachadh gu ’n robh e eu-comasach dhaibh am facal a chumail, oir gu ’n robh an cinneadh na bu treise na iadsan. Chunnaic na h-uachdrain nach biodh e comasach dhaibh dol an urras air son giùlan an luchd-leanmhainn cho fad ’s a bha Cloinn Ghriogair ’nam measg, agus thòisich iad air gach h-aon de ’n dream fhuadach bhàrr am fearainn. ’N uair a chunnaic Fear Ghlinn-Srath gu ’n robh an cinneadh ’g am fuadach ás gach ceàrna, ’s gun chead aig duine cuid oidhche a thoirt dhaibh, chaidh e dh’ aon [TD 154] obair an taobh a bha luchd-comhairle an Rìgh agus liubhair e e-fhéin suas mar fhear gill air son a chinnidh. Chaidh a ghiùlan gu cùirt an Rìgh, ach dh’ fhàs e seachd sgith de ’n mhiodal ’s de ’n t-sodal a bhuineadh do luchairt an Rìgh, agus ’s e bh’ ann latha bha sin gu ’n do ghabh e cead a choise, ’s thug e ’m fireach air, ’s bu shunndach aigne ’n uair a bha chas air an fhraoch aon uair eile. Rinn e na dh’ fhaodadh chum sìth a dheanamh eadar a shluagh agus luchd-riaghlaidh na rìoghachd, agus ’n uair a thàinig cinnidhean eile, air an sporadh leis an t-sionnach sin, Diùc Earra-ghàidheal, a thogail creach air na Griogairich, an àite an lagh a ghabhail ’nan làmhan fhéin, mar bu tric a rinn iad, ’s ann a thog cean-cinnidh nan Griogarach a chiùs gu cùirt an lagha a’ tagradh fiach an dochuinn a rinneadh air féin ’s air a chinneadh. Anns a’ bhliadhna 1559, ’n uair a chaidh Mac Griogair a’ ghairm an lathair an Rìgh agus a luchd-comhairle, a thoirt air an còrr barantais a thabhairt nach deanadh e fhéin no a chinneadh beud no olc, ’s ann a thug e dhaibh ainnean ochd-pearsa-deug de phriomh dhaoine an fhine—sè as na trì meòir de ’n chinneadh a b’ inbhiche, a bha toileach iad féin a liubhairt suas mar luchd-gill—agus ghuidh an seann laoch air an Rìgh e g’ an gabhail an àite an luach airgiod a bha e ’n tòir air, oir mar a dh’ aidich an duine bochd gu muladach, “tha Cloinn Ghriogair an dràsda gun chliù, gun chuid, gun chreideas.” A dh’ aindeòin na dheanadh Ceann-cinnidh nan [TD 155] Griogaireach a chumail smachd air an dream, cha ghabhadh iad cumail an òrdugh no ceannsachadh. An dràsd ’s a rithist bhristeadh iad a mach mar fhiadh-bheothaichean a bha air an cùbadh suas fad ùine, ’s bhiodh ionndrainn air spréidh Chloinn Diarmaid. Mu dheireadh thall liubhair an Rìgh ’s a luchd-comhairle Cloinn Ghriogair thairis do Iarla Earra-ghàidheal a chaidh a shuidheachadh leis an Rìgh ’na uachdran air gach clod fearainn air an robh Griogaireach a’ tuineachadh. Shaoil le Ceann-cinnidh nan Griogaireach gu ’n robh e a nis comasach do ’n chinnidh tighinn beò ann an seòrsa sìth, ’nam b’ e sin am miann, agus an cliù ’s an creideas a bhuidhinn air ais; ach, mo thruaigh! bha e aon uair eile air a mhealladh. An da-rìreadh ged a bhiodh e fhéin ’s a chinneadh toileach sin a dheanamh, cha leigeadh an sionnach ruadh Mac Cailein sin leò, agus ’n uair a bha e cumail am mach a bhi cho eudmhor air son sith is òrduigh, bha e aig a’ cheart àm a’ deanamh slacain de Chloinn Griogair a leadairt ’s a ghréidheadh fineachan eile a bha ’n am bior ann an taobh nan Caimbeulaich, agus a dheanamh dioghaltais air a shean nàimhdean. Bha na Griogairich bhochda mar so a’ deanamh droch-dhaoine dhiu fhéin air iarrtas Mhic Cailein ’s b’ esan a’ cheud fhear a thog casaid ’nan aghaidh air son na ceannairc ’s na mi-riaghailt so, ged a b’ e fhéin a bha ’g an stuigeadh. Anns an dòigh so rinn na Griogairich dochunn mór do Fhear Luis, Mac-a-chananaich, Fear Aird-chona- [TD 156] ghlais, Fear Aird-nan-capull, agus uachdrain eile a bha teann air Loch Laoiminn. Is iomadh iorghuill is tuasaid anns an robh Cloinn Ghriogair air an amaladh, oir bha iad daonnan deas gu spuaic a thoirt do chinneadh air bith a thigeadh ’nan rathad, ach dh’ eirich an dunach dhaibh ’n uair a chaidh iad féin agus Fear Luis—Mac-a’-Chompaich—thar a chéile. Ma ’s fior beul-aithris bu bheag a’ chùis a thog an tuasaid. Tha e coltach gu ’n do thuit do bhuidhinn bhig de Chloinn Ghriogair a bhi triall an anamoich, mar is tric a thachair, agus ’n uair a dhùin an oidhche dh’ iarr iad fasgadh agus cuid oidhche o fhear de Chloinn-a’-Chompaich. Chaidh so a dhiùltadh dhaibh gu doirbh doicheallach. Thog na seòid orra gu bothan-àirigh a bha teann orra, ghlac iad mult reamhar, mharbh is dh’ ith iad a’ chuid a b’ fheàrr dheth. Ghlac Fear Luis na seòid, agus leis gu ’n robh dà cheann an ròpa aige agus cead a tharruing—dhìt agus chroch e meirlich a’ mhuilt. Bho ’n latha sin tha e ’na shean-fhacal am measg nan Griogaireach: “Cho tubaisdeach ri mult dubh an earbaill ghil”—am mult a thog an tuasaid. Cha robh e duilich do Mhac Cailein na Griogairich a sporadh an aghaidh Chloinn-a’-Chompaich, oir cha bu ruith ach leum leò dol a dheanamh dioghaltas orrasan a nochd iad féin cho nàimhdeil do ’n chinneadh. Dh’ éirich eadar trì ’s a ceithir cheud Griogaireach, agus le Mac Griogair air an ceann, rinn iad an rathad do Lus, an geall air tòrachd. [TD 157] Chuala Fear Luis gu ’n do ghluais na seòid, agus ann an tiota bha mu shè ceud pearsa aige fo armachd, oir dh’éirich leis na Cananaich, na Greumaich, Leamhanaich, agus buidheann á baile Dhùn-Breatunn. Thachair an dà fheachd so ann an Gleann Freòithne, agus b’ e sin an latha dubh dhaibh le chéile. ’N uair a chunnaic Cloinn Ghriogair am feachd a bha ’nan aghaidh, ’s nach robh “cothrom na Féinne” ri bhi dol—bha seòrsa athadh orra dol ’nam bad. ’N uair a bha iad an imcheist mar so, có steòc air beulaibh an fheachd ach Griogair taibhsear, ’s le shùilean a’ lasadh ’na cheann, ’s a làmhan sgoilte, ars esan—“Chì mi cinn-teaghlaichean Chloinn-a’-Chompaich air an suaineadh ’nan marbhbhrat.” Thog so misneach nan laoch, agus chaidh iad air an aghaidh gun fhiamh gun eagal, agus ’n uair a thachair lann ri lann dhùisg am farum mac-talla nan creag. Ged bu lionmhor nàimhdean Chloinn Ghriogair air an lath’ ud, chuir iad an ruaig orra, agus dh’ fhàg iad mu dhà cheud fuar marbh air faiche an àir. Chuireadh an cath so ann an earrach na bliadhna 1603. ’N uair a ràinig an sgeul an rìgh ’s a luchd-comhairle, mheas iad na thachair na antromachadh air na rinn ’s na chaidh a chur as leth a’ chinnidh so ré nam bliadhnachan a dh’ fhalbh, agus ce b’ e na bh’ aig Iarla Earra-ghàidheal ri dheanamh ris na cùisean a thachair, thug e an aire mhath nach tuigeadh an rìgh no a luchd-comhairle gu ’n robh làmh ’sam bith aige anns a’ ghnothach. B’ e an [TD 158] t-Iarla a’ cheud fhear a dh’éirich an aghaidh nan Griogaireach a rinn e féin a stuigeadh ann am feachd Fhir Luis. A chum drùghadh sonraichte mu na thachair aig cath Ghlinn-Freòithne a dheanamh air inntinn an rìgh, agus a luchd-comhairle a ghluasad gu dioghaltas a dheanamh thàinig do Sruibhle a’ marcachd air gearain bhàna, còrr agus dà cheud de bhantraicheann nan daoine thuit latha Ghlinn-Freòithne; bha iad ann an eideachan dubha agus aig gach té dhiu bha an crochadh air bàrr lann léine fhuilteach a fir. Is e dh’ éirich as a so gu ’n deachaidh òrdugh am mach na Griogairich a chuir fodha bun is bàrr. Air an treas là de ’n Ghiblin, 1603, thàinig Achd am mach a’ dùbhadh as gu buileach ainm a’ chinnidh so. Bha aig gach mac mathar dhiu ri ’ainm atharrachadh, air neò bàs fhulang, agus cha robh chridhe aig aon de ’n dream armachd a ghiùlan, ach a mhàin duntag de sgian gun bhàrr a chum am biadh a ghearradh. A bharrachd air a so uile chaidh amharc ris nach rachadh as do cheannardan nan Griogaireach a bha aig cath Ghlinn-Freòithne. An déigh a bhi air allaban am measg nam beann ’s nan gleann ré ràithe, ’s air an ruagadh mar shionnaich nan carn, liubhar Fear Ghlinn-Srath, ceann-cinnidh nan Griogaireach, agus priomh dhaoine a chinnidh iad féin thairis do Iarla Earra-ghàidheal air a chumhnant gu ’n robh iad ri bhi air an càramh do Shasunn. Ghleidh ’s cha do ghleidh an t-Iarla a ghealladh. Chàirich e a’ bhuidheann so, ’s freiceadain ’nan cois thairis [TD 159] air a’ chrìch Shasunnaich, agus mar so mar gu ’m b’ fheadh a cumail a gheallaidh, ach cha luaithe bha an cas an Sasunn na thill e air ais iad gu baile Dhùn-éideann, far an deachaidh an crochadh mu thoiseach na bliadhna 1604. Chaidh moran eile a ghlacadh ’s a ghiùlan gu baile Dhùn-éideann agus a chrochadh. ’N uair a bha Fear Ghlinn-Srath air beulaibh na cùirte an Dùn-éideann, rinn e casaid chruaidh an aghaidh Iarla Earra-ghàidheil, a’ bòideachadh gu ’m b’ esan a bha sporadh nan Griogaireach an aghaidh chinneachan eile, agus nach b’ e cheud uair a bhagair e gu ’n creanadh na Griogairich air mur a deanadh iad a réir a thoile-san. Ghuidh an seann laoch air an rìgh aon chothrom eile a thoirt dhaibh—gu ’m bitheadh e féin ’s na bha leis, agus gach h-aon a bha aig cath Ghlinn-Freòithne lan thoileach, an dùthaich fhàgail gu bràth na ’n leigeadh iad leotha sin a dheanamh, agus cothrom a thoirt do ’n chòrr de ’n dream—gu sònraichte an òigridh—iad féin a ghluasad gu stuama, glic, agus an cinn a thogail anns an dùthaich ’san d’ rugadh iad. Cha ruig mi leas a ràdh nach deachaidh feairt a thoirt air gearan is guidhe an t-seana chinn-chinnidh. Bha Cloinn Ghriogair a nis gun cheann-cinnidh, ’s gun chead cruinneachadh mar fhine. Gun dion ’s gun chùl-taic, bha iad air an ruagadh feadh nan gleann ’s an tric a chualas an cath-ghairm rioghail ’s na làithean a thréig. Chaidh earbsa ri Iarla Earra-ghàidheal agus Diùc Athail na Griogairich [TD 160] a chur fo smachd ’s a chur fodha buileach, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do dhi-chuimhnich iad an dleasanas. Is iomadh tuasaid chruaidh a bha eadar luchd-leanailt nan uachdaran so agus na Griogairich. Cha bu ni beag no suarach a bha air iarraidh air a’ chinneadh so—bha iad ri ’n sloinneadh aicheadh—sloinneadh an athraichean anns an robh fuil rioghail an Ailpeanaich—ri falbh ’s an cinn crom ’nan dùthaich fhéin—’nan aobhar sgeig is magaidh aig na Caimbeulaich ’s na Meinneirich—bha so ’na dhi-meas do nach géilleadh iad gun lann a tharruing. Ach bha an luchd-riaghlaidh dannara, ’s neart gu leòir air an cùl, agus ré dheich-bliadhna-fichead bha iad a’ deanamh laghan cruaidh neo-thruacanta an aghaidh nan Griogaireach. Anns a’ bhliadhna 1613 chaidh a dheanamh mi-laghail do thuilleadh na ceathrar Ghriogaireach cruinneachadh còmhla air son aobhair air bith. Bha an suidheachadh a nis dà-rìreadh cianail. Bha iad gun cheann-cinnidh, air an sgapadh air gach taobh, ’s gun a chridh aca an ainm féin a ghiùlan. Gun teagamh is ann mu ’n cor aig an àm so a sgrìobh an Ridire Scott na rannan iomraideach sin “Cruinneachadh Chloinn Ghriogair,” a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig le fear d’ am b’ aithne, mar a leanas— Tha ’n ré air a’ chuan, ’s tha an ceò anns a’ ghleann; ’S o ’n a dhìteadh ar n-ainm anns an latha gu teann, Ar cath-ghairm iomraideach rìoghail o chian, Ni sinn éigheach ’s an oidhche le dioghaltas dian! Bi deas, bi deas; bi deas, a Ghriogairich! [TD 161] Ma bhios ruaig air ar tòir, is air n-ainm air a’ bhacadh, Loisg am fàrdach!—’s am feòil biodh aig eunlaith ’g a sracadh! O, tionail, tionail, tionail; tionail, tionail, tionail; Fhad ’s tha duilleach ’sa choille, no cobhar air sruth-thuinn, Mar is dual, cinnidh buaidh le Mac Griogair gu suthainn! De Ghleann-Urchaidh nan ard-bheann ’s de Chaol-chùirn nan saoidh, De Ghleann-Liobhann ’s Gleann-Srath tha sinn creachte a chaoidh— Tur spùinnte, spùinnte, spùinnte, ’Ghriogairich, Spùinnte, spùinnte, spùinnte! Troimh dhoimhneachd a’ chuain théid an stead each ’na dheann; Chìthear bìrlinn a’ seòladh thar cìrein nam beann; Leaghaidh creagan mar eigh, ’s théid ’nan still gus a’ mhuir, Mu ’n strìochd sinn ar còir is ar diogh’ltas m’ an sguir; Bi deas, bi deas, bi deas, a Ghriogairich! Ma bhios ruaig air ar tòir, is ar n-ainm air a’ bhacadh, Loisg am fàrdach!—’s am feòil biodh aig eunlaith ’g a sracadh! O, tionail, tionail, tionail; tionail, tionail, tionail; Fhad ’s tha duilleach ’sa choille, no cobhar air sruth-thuinn. Mar is dual, cinnidh buaidh le Mac Griogair gu suthainn! Chaidh mac do Mhac Griogair Ghlinn-Srath an àm an eunaich, maille ri fleasgaich òg eile do Ghual-an-liath-ghiuthais. Thachair orra duin-uasal òg a Chloinn Laomainn, o Iochdar Chòmhail, a bha dol a dh’ Ionbhar-Lochaidh, agus gun leis ach aona sheirbhiseach. Chaidh iad uile gu tigh Lub-nam-mart, far an do ghabh iad deoch no dhà còmhla, ach an dàil an anmoich chuir Mac Laomainn agus Mac Griogair a mach air a chéile. Tharruing iad am biodagan agus thuit Mac Griog- [TD 162] air. Theich Mac Laomainn agus thàr a as o luchd a thòrachd, a chionn gu ’n robh dorcha nan tràth ann, agus air éiginn rinn e mach tigh athar Mhic Griogair mu ’n d’ rinn iad a suas ris. Bha Mac Griogair glé mhoch ’s a mhadainn ’na sheasamh ’san dorus, thàinig an t-òganach agus dh’ aslaich e air a bheatha a chaomhnadh, a chionn gu ’n robh daoine air a thòir air thì a mharbhadh. “Có air bith thu,” thuirt Mac Griogair, “an so tha thu tearainte.” Cha robh ach uin’ aca Mac Laomainn a thoirt a steach do ’n tigh, ’n uair a bha collaid mhór mu ’n dorus, a’ dian fheòraich am fac iad coigreach a thàinig an rathad. “Chunnaic,” arsa Mac Griogair. “Ciod e ar gnothach-sa ris?” “Tha,” deir iadsan, “gu ’n do mharbh e do mhac; thoir thairis dhuinn e chum gu ’n diol sinn an gniomh.” Chuala ban-tighearna Mhic Griogair agus a dà nighean sgeul a’ bhròin, agus le àrd bhas-bhualadh agus trom chumha ghuidh iad sin a dheanamh; ach thuirt Mac Griogair iad a bhi ’nan tosd, agus a shùilean a’ trom-shileadh nan deur, ’s gu ’n de dhànadas a ghabhail beanachd ris an òganach; “oir,” ars esan, “gheall Mac Griogair dha gu ’m biodh e tearainte; agus mar is beò mise, bithidh e sin am feadh ’s a dh’ fhanas e ann am thigh-sa!” Goirid ’na dhéigh so, air do Mhac Laomainn an caoimhneas agus an aoidheachd a bu charantannaiche fhiosrachadh, ghabh Mac Griogair dà-fhear-dheug fo ’n armaibh agus chaidh e le Mac Laomainn gu baile Ionbhar-aoradh, agus chuir e gu sabhailt air [TD 163] tìr ann an Còmhal e, agus a’ gabhail a chead dheth, thuirt e ris—“A Mhic Laomainn, tha thu nis sabhailte ann ad thìr féin; cha ’n urra dhòmhsa, agus cha dean mi ni ’s fhaide do dhìon; fuirich a caramh mo chuid daoine-sa. Gu ’n tugadh Dia maitheanas dhuit.” Thachair so beagan mu’n tàinig an reachd cruaidh mi-chneasda sin am mach an aghaidh Chloinn Ghriogair anns a’ bhliadhna 1633, a chuir cinneadh mór ainmeil air fogradh agus fo’n choillidh. Chaidh oighreachd mhor Mhic Griogair ar-funtachadh agus bha iad air a thòir gu chur gu bàs. Ghabh iad dion ann an tigh a’ cheart Mhic Laomainn ud—a bha ro-chomharraichte air son a shuairceis agus a dhuilichinn air son gniomh mi-shealbhar òige; agus a thug aoidheachd agus fasgadh do Mhac Griogair agus d’ a theaghlach, air gach dòigh bu shuilbhear, agus bu chàirdeala a b’ urrainn da; agus thug e moladh do Dhia a chuir ’na chomas caoimhneas anabarrach an teaghlaich so a dhìoladh, agus caileiginn de chomh-leasachadh ìocadh dhaibh air son na dosgainn ghoirt a thuit gu mi-shealbhar ’na làimh, le bàs sgiorrail am mic. Bha ’n dream rioghail so gu mi-chothromach air an dian ruagadh fo ùghdarras reachd rìgh agus rìoghachd, ’nan cobhartach laghail do gach neach a bheireadh ionnsaidh orra; agus sin ag éirigh o ghamhlas agus mi-run cuid d’ an coimhearsnaich chumhachdach, a ghabh brath air laigsinn an rìgh. Bha iad ’nan culaidh-fhògraidh cho mór nach bu [TD 164] leòir na dh’fhaodadh daoine a dheanamh, ach gu’n d’ fhuair iad coin-luirg a dh’ fhòghlum iad dol air an tòir, ris an abradh iad “Coin-dubh Chloinn Ghriogair.” Chaidh an dithis mu dheireadh de na coin-dubh a mharbhadh, fear dhiu aig a’ Chrion-làraich, agus am fear eile air leacainn fa chomhair Aodan-ampuill. Is fheudair dhuinn eachdraidh nan Griogaireach a tharruing gu crìch. Ré chóig ceud bliadhna bha iad air an ruagadh ’s air an claoidh, chaidh an ainm, am fearann agus an dùthcha a bhuntainn uatha, agus a dh’ aindeòin gach ana-cothrom a fhuair iad bhuanaich iad dìleas do ’n rìgh agus d’ an dùthaich. Cha deachaidh na laghan cruaidh an aghaidh nan Griogarach ath-ghairm gus a’ bhliadhna 1774. Anns a’ bhliadhna sin, thilg na ceudan dhiu na h-ainmean a b’ fheudar dhaibh a ghabhail, agus rinn iad Griogairich dhiubh féin aon uair eile, thog iad an cinn agus rinn iad uaill á ’n suaicheantas ainmeil, “Is rìoghail mo dhream.” Chuir iad an cinneadh air bonn aon uair eile, agus thagh iad mar an ceann-cinnidh Iain Moireadh á Leidearaich—a bhuineadh do ’n t-seann-theaghlach—air a bheil sinn eòlach ann an eachdraidh an déigh an àma so mar an Ridire Iain Mac Griogair. Air an latha diugh, có is dilse do ’n chrùn no có is feàrr gluasad na iarmad nan Griogaireach, a dh’ fhuiling na h-uiread mhi-ghnàthachadh agus geur-leanmhuinn anns na làithean a thréig? “Mar is dual cinnidh buaidh le Cloinn Ghriogair gu suthainn.” [TD 165] GOID NA MUICE. BHA ochd teaghlaichean a’ fuireach anns a’ Chlachan ri m’ cheud chuimhne-se. ’Nam measg so bha Seumas Gobha, duine dàchail, pongail, aig an robh bean bheag agus teaghlach mór; Calum Tàillear, seana-ghiullan, cridheil, gleusda—òranaiche fonnar, agus fidhleir barraichte—’na làn-dhearbhadh air fìrinn an t-sean fhacail: “Ciad tàillear gun bhi sunndach”; Dughall Ruadh. Greusaiche, duineachan geur sgairteil, gu math fada ’s a cheann, ’s cho làn phratan is feala-dhà, ’s a tha ’n t-ubh dhe ’n bhiadh. Ged a bha ceum-crùbach an Dùghall, “Bha aigne cho reachdmhor ri breac ann am bùrn,” agus bha e cho lùghor làidir ri duine gun ghaoid gun ghalar. Na ’n robh Dùghall cho teòm’ air na brògan ’s a bha e air na breugan, dh’ fhoghnadh sin, oir bhiodh neach gu math fada air a chur thuige air son “ciad greusaiche gun bhi breugach” stiùireadh a cheum an taobh a bha Dùghall Ruadh; ach mar a thuirt Seumas Mór, “Tha na ’s miosa na Dùghall ri fhaotainn, na ’n robh fhios c’ àite ’m faighear iad.” Bha aon fhear eile anns a’ Chlachan air am feum mi iomradh a thoirt, agus cha b’ e bu chòir a bhi air dheireadh; is e so Donnachadh Tiorram, dreangan de bhodachan [TD 166] crìon, crosda, peallach, cho seòlta ris an t-sionnach, agus cho spìocach ’s gu ’n reiceadh e a sheana-mhathair air bonn a h-ochd, mar a chì sinn mu ’n tig crìoch air mo sgeul. A thuilleadh air a’ cheathairne so a dh’ainmich mi, bha beagan theaghlaichean eile anns a’ Chlachan—daoine còire, cneasda, le òigridh shunndach, thapaidh, agus iad uile gu léir fialaidh, cridheil ’nan dòigh. Ri m’ cheud-chuimhne cha robh teaghlach dhiubh so nach robh a’ cumail muice; agus bha e ’na chleachdadh ionmholta na ’m measg an uair a mharbhtar muc, gu ’n robh sgonn math de ’n mhuic-fheòil air a buileachadh air gach tigh; agus leis nach robh teaghlach gun mhuic, bhiodh iad uile air an aon ruith aig ceann na bliadhna, chionn bha sùil gu ’n deanadh gach neach ’na àm féin, mar a rinn a choimhearsnach air thoiseach air. Bliadhna bha sud—ma ’s math mo bheachd is i a’ bhliadhna ’thàinig an galar ’sa bhuntàta—cha robh e comasach do ’n chuid a bu mhò de na coiteirean muc a chumail, leis mar a ghrod am buntàta, agus cha robh ach ceithir mucan ri fhaotainn anns a’ Chlachan. Bha té aig Dùghall Ruadh, té aig Donnachadh Tiorram, té aig Calum Tàillear, agus seòrsa de mhuic bhioraich, gun earball, aig Seumas Gobha. Mar a bha a’ bhochdainn ’sa chùis, bhàsaich muc an Tàilleir leis a’ ghort, agus air maduinn Latha-Nollaig, bhàsaich muc bhiorach a’ Ghobhainn le galar a’ mhairt a bha ’m Port-Ascaig—“am fuachd ’s an t-acras còmhla.” Cha [TD 167] robh, mar so, a nis, ach dà mhuc ’s a Chlachan—té Dhùghaill Ruaidh agus té Dhonnachaidh Thiorraim. Mu ’n Fhéill-Brìghde bha gach buntàta meanbh, ’s gach buntàta carach a bh’ aig Donnachadh Tiorram a’ fàs gann, ’s mar bu dual bha a’ mhuc a’ fàs reamhar. Chuireadh e a’ chorc innte latha air bith, ach bha e ann an iomgain chruaidh ciamar a gheibheadh e thairis air an t-seana chleachdadh a dh’ ainmich mi. Cha robh toil idir aige a’ mhuc a roinn air teaghlaichean a bha eu-comasach air a phàigheadh air ais, ach bha eagal air mur cumadh e suas an t-seana chleachdainn mar bu nòs, gu ’n abradh daoine gu ’n robh e spìocach—rud a bha. Bha e cho crìon cruaidh ’na dhòigh ’s gu ’n robh roinn na muice a’ dol eadar e ’s a chadal—bha i air inntinn ré an latha, ’s ’na aisling ré na h-oidhche. Cha robh maduinn nach ruigeadh e fail na muice; dh’ amhairceadh e oirre gu geur ’s thilleadh e dhachaidh. Maduinn a bha sud leum e fail na muice, ’s dh’ fheuch e ri ’h-aisnean a chunntas, ach leis an t-saill a bh’ air a’ bhéisd cha ’n amaiseadh e ach air a dhà no trì. “Th’ ar leam,” ars esan, ’s e bruidhinn ris fhéin, “gur e trì aisnean a b’àbhaist do gach teaghlach fhaotainn. Cha ’n ’eil fhios cia meud aisean a tha ann am muic? Tha e agam a nis; tha beachd agam air Para-nan-each a bhi ’g ràdh gu ’n robh suaip mhór aig taobh-stigh muice ri taobh-stigh duine;” ’s e le so a ràdh, leum e mach á fail na muice, dh’ fhosgail e a bhroilleach, agus thòisich e air aisnean fhéin a chunntas gu [TD 168] stòlda. Dh’ amais e air dusan air gach taobh. “Ma gheibh seachd teaghlaichean,” ars esan, “trì aisnean an t-aon, bithidh an sin aisean-air-fhichead. Mo chreach ’s mo sgaradh! bheir sin bhuam an tromlach de ’n mhuic. Gu dearbh b’ e sin e! dol a thoirt seachad an nì ris nach urrainn sùil a bhi agam air ais—’s mi nach bu cho gòrach! Théid mi ’s gabhaidh mi comhairle a’ ghreusaiche, bithidh e fhéin ’sa cheart chur-thuige gu goirid.” Thog e air gu tigh Dhùghaill Ruaidh, agus ’s ann a bha e coltach ri fear air an robh na maoir an tòir—dh’ amhairceadh e air gach taobh an dràsd ’s a rithist, ’s an sin bheireadh e sùil thar a ghualainn, feuch an robh duine air a lorg—mar thubhairt an sean-fhacal, “tuigidh gach cù a chionta”—gus mu dheireadh, an d’ ràinig e tigh Dhùghaill Ruaidh, ’s leig e ris rùn a thurais. Ged a dh’ fheuch e ri snas na fìrinn a chur air a’ bhréig, thuig Dùghall Ruadh an seud a bh’ aige gu math, agus chuir e roimhe gu ’m biodh an spìocaireachd daor do Dhonnachadh Tiorram. “’S mi tha toilichte gu ’n d’ thàinig thu,” arsa Dùghall; “tha mi faicinn gu soilleir nach bi ann ach gòraich dhuinne aig am bheil mucan, an fheòil a roinn orrasan a tha gun mhuic. Bha an riaghailt math gu leòir cho fad ’s a bha muc aig gach teaghlach, ach dh’ fhalbh sin is thàinig so, agus tha e mar fhiachaibh air gach duine a bhi dluigheil, cùramach mu ’n cuid féin. Air eagal gu ’n abair daoine gur e an cruas ’s an spìocaireachd a thug ort an t-seana chleachdainn a leigeil gu tur [TD 169] air dhi-chuimhn’, feumaidh sinn seòl a dheanamh air a’ mhuc a chur as an rathad an latha théid a marbhadh.” “Cuiridh mi’m falach i,” arsa Donnachadh Tiorram, “agus their mi gu ’n deachaidh a goid.” “A cheart nì,” arsa Dùghall Ruadh, “nach tu tha fada ’s a cheann! Gheibh mise mo sgonn féin de ’n mhuic àm sam bith.” “Gheibh, gheibh,” arsa Donnachadh Tiorram. “So agad mar théid thu mu ’n chùis,” arsa Dùghall Ruadh; “crochaidh tu closach na muice ann an tigh-nan-cairtean ré na h-oidhche; aig beul an là éirich agus cuir am falach i, agus bóidich gu ’n deachaidh a goid á tigh-nan-cairtean.” “Fóghnaidh sin, a Dhùghaill,” arsa Donnachadh Tiorram, “’s tu fhéin gille-nan-car; nach sinn a thachair air a chéile! Bho ’n fhuair mi an gnothach so socraichte a réir mo mhiann, cha bhi saoghal na muice fada a nis, ’s bithidh i againn uile dhuinn fhéin—‘Is feàrr eun ’san laimh na dhà-dheug air iteig.’ Slàn leat, a Dhùghaill; leigidh mi fios dhuit ’n uair a mharbhas mi a’ mhuc.” Is gann a bha Donnachadh Tiorram a mach air an dorus ’nuair a thòisich Dùghall Ruadh—crùbach ’s mar bha e—air Ruidhle Thulachain a dhannsadh, gus an do theab e e-fhéin a chur as an amhaich am measg na bha de chip ’s de sheana-bhrògan air an ùrlar; oir bha de bhrogan air ùrlar Dhùghaill a’ feitheamh càraidh, gu ’n saoileadh tu gu ’n robh ceithir chasan air a h-uile duine ’san sgìreachd. “Mac an fhir ud,” thubhairt Dùghall an déigh dha [TD 170] dol troimh cheithir-chuir-fhichead Ruidhle Thulachain, “creanaidh esan air a spìocaireachd ma bhitheas Dùghall Ruadh beó gu Di-luain so tighinn—rud a bhitheas. Théid mise ’n urras gu ’n tuig Donnachadh Tiorram ciod is ciall do bhi ’call nam boitean agus a’ trusadh nan siobhag.’ Is fheudar dhomh Calum Tàillear fhaicinn mu ’n ghnothach so.” ’Nuair a bha ’obair-latha seachad, thog Dùghall Ruadh air gu tigh Chaluim Thàilleir, ’s dh’ innis e dha mar a bha cùisean a’ seasamh. “An cealgair dubh,” ars an tàillear, “tha mi tuigsinn gu math a nis ciod am feum a bh’aige air mo chrios-tomhais an latha roimhe; na ’n robh fhios agamsa gur ann dol a thomhas na muice a bha e le m’ chrios, cha d’ fhuair e òirleach dheth. Ach fuirich ort, bithidh ’car ùr an ruidhle ’bhodaich ’s car eile an adharc an daimh,’ ma ’s fhiach sinne ar brochan, a Dhùghaill.” Gun tuilleadh air no dheth, shocraich na seòid gu ’m bruidhneadh iad ri dhà no trì de òigridh a’ Chlachain agus gu ’n goideadh iad muc Dhonnachaidh Thiorraim á tigh-nan-cairtean. Thàinig Di-luain; mharbh Donnachadh Tiorram a’ mhuc, chroch e i an tigh-nan-cairtean, agus chuir e fios a dh’ ionnsaidh Dhùghaill Ruaidh mar a gheall e. An déigh bheul na h-oidhche thàinig Dùghall Ruadh an taobh a bha Calum Tàillear, agus goirid as a dhéigh, thàinig na seòid a bha ri dol leò a ghoid na muice, ’s iad cho àrd-inntinneach [TD 171] agus toilichte ’s ged a bhiodh iad a’ dol gu banais. ’N uair shaoil leò Donnachadh Tiorram a bhi ’na shuain chadail, thog iad orra gu sèimh, socair, ghoid iad a’ mhuc á tigh-nan-cairtean, ’s thug iad i gu tigh an tàilleir. “Ciod a ni sinn ris’ a bhéisd mhoir, reamhair?” arsa Seumas Gobhainn. “Ciod,” ars an tàillear, “ach a roinn air muinntir a’ Chlachain, mar is còir. Mur leig an spìocaireachd le Donnachadh Tiorram an t-seana chleachdainn ionmholta a chumail air aghaidh, ni sinn e ge b’ oil leis e.” “Glé mhath,” arsa Dùghall Ruadh; “cha ’n ’eil beul ’s a Chlachan nach gabh dùnadh le slios de mhuic-fheòil. Moire! ’s math a laidheas i air cuid aca an dràsd fhéin, ’s an t-annlann cho gann.” “Tha thu ceart,” arsa Seumas-beag-nam-breug, “’s math an glomhar aisean de mhuic mhóir Dhonnachaidh Thiorraim.” Cha robh tuilleadh air; chaidh closach na muice a ghearradh ’na piosan, agus a roinn an oidhche sin fhéin air teaghlaichean a’ Chlachain, agus an earalachadh gun diog a ghabhail orra gu ’n d’ fhuair iad a leithid. ’Nuair a bha a’ mhuc roinnte, chaidh na seòid dhachaidh gu modhail siobhalta. Aig bristeadh fàire, mu ’n do bhlais an t-eun an t-uisge, dh’ eirich Donnachadh Tiorram agus a mhac, a chur na muice am falach mu ’m biodh duine ’s a Chlachan air a chois. Ged a bha mac Dhonnachaidh h-uile buille cho crìon spìocach ri ’athair, cha robh e idir toilichte a bhi air a dhùsgadh [TD 172] am meadhon na h-oidhche mar so, ’s ged a dh’éirich e cha robh e idir fonnar. ’N uair a dh’ fhosgail iad dorus tigh-nan-cairtean, cha robh a’ mhuc ri fhaicinn. “Leth na truaighe!” arsa Donnachadh Tiorram; “thàinig an fheala-dhà gu da-rìreadh—tha ’mhuc air a goid orm teagamh. Có air an t-saoghal a dheanadh so?” “Nach deanadh na ceaird a tha ’s an Uaimh Mhóir,” arsa Donnachadh òg; “cha ’n e h-uile latha gheibh iad cothrom cho math.” “Clann an fhir ud!” arsa Donnachadh Tiorram, “bheir mis’ orr’ e”—agus shìn e ás gu Uamh-nan-ceàrd a bha mu leth-mhìle air falbh; ’s bha leis gu ’n robh fàile cùbhraidh muic-fheòil ròiste air a ghiùlan air oiteig na maidne. ’N uair a ràinig e an Uamh, ’s e ’na fhuil ’s ’na fhallus, cha robh aige ach “an gad air an robh an t-iasg”—cha robh ceàrd no bana-cheàrd ri fhaotainn air ùrlar na h-uaimh, ’s b’ fheudar dha tilleadh dhachaidh mar a thàinig e, gu muladach, aimhealach. Cha b’ fhada gus an do ràinig e Dùghall Ruadh. “Am bheil thu gu cridheil an diugh, a Dhonnachaidh?” arsa Dùghall Ruadh. “Is mi nach ’eil,” fhreagair Donnachadh Tiorram; “nach deachaidh a’ mhuc a ghoid.” “Sin thu, ’Dhonnachaidh, cum thusa sin a mach,” arsa Dùghall. “Air m’ fhacal, gu ’n deachaidh a goid,” arsa Donnachadh. DUGHALL—“Sin thu rithist; bòidich thusa sin is creididh daoin’ thu.” DONNACHADH—“Air m’ fhacal fìrinneach, gu ’n deachaidh a goid.” [TD 173] DUGHALL—“Dhuine, ’dhuine, ’s briagh théid agad air cur mar fhiacaibh: fhaic thu chreidinn fhéin do sgeul mur biodh fhios agam air atharrach.” DONNACHADH—“An e nach ’eil thu ’g am chreidsinn? Cho cinnteach ’s a tha mi beò gu ’n deachaidh a goid.” DUGHALL—“Nach briagh nàdurra ’thig na breugan duit; cum thusa sin a mach ’s creididh na h-uile duine thu.” DONNACHADH—“Nach neònach thu, a Dhùghaill. Cho fìor ris a’ bhàs gu ’n deachaidh a goid—leis na ceàird.” DUGHALL—“Nach briagh a laidheas a’ bhreug air na ceàird—có nach creid thu nis?—cha ’n ’eil teagamh nach robh ceàrd no dhà mu ghoid na muice.” DONNACHADH—“Cha ’n ’eil feum a bhi ’bruidhinn riutsa; cha chreid thu an fhìrinn—smior na fìrinn. Latha math leat.” Le so a ràdh, dh’ fhalbh Donnachadh Tiorram dhachaidh, ’s cha robh e idir toilichte. Chunnaic e nach robh feum a bhi ’bruidhinn ris a’ ghreusaiche mu ghoid na muice, ’s ged nach do leag e amharus air Dùghall Ruadh, bithidh latha ’s bliadhna mu ’n gabh e a chomhairle a rithist. Tha mi toilichte a chluinntinn gu bheil an t-seana chleachdainn air a cumail air chois anns a’ Chlachan fhathast, agus ’n uair a bhios fonn dannsaidh air an òigridh ’s a ghleusas Calum Tàillear còir—sean ’s mar tha e—an fhiodhall, no thoisicheas Dùghall [TD 174] Ruadh air canntaireachd, is e so am port is dòcha leò a ghleusadh— “Dh’ fhalbh mi fhéin is ceathrar ghillean, Dh’ fhalbh mi fhéin is ceathrar ghillean, Dh’ fhalbh mi fhéin is ceathrar ghillean, ’Ghoid na muice biadhta. Ghoid sinn i am beagan ùine; Roinn sinn i ri solus crùisgein; Bha i reamhar mar an t-ùilleadh— Fhuair sinn cùmhradh ciatach!” Is tric gus an latha ’n diugh, ’n uair a tha sgeul fir air a chur an teagamh, a gheibh e mar achmhasan, Cum thusa sin a mach, mar thuirt am fear a ghoid a mhuc. [TD 175] SGEULACHDAN MU ’N FHREICEADAN DUBH. I.—FEARCHAR ÒG. [Tha na sgeulachdan a leanas air an stéidheachadh air naigheachdan a tha ri ’m faotainn ann an leabhar ris an abrar Legends of the Black Watch, le Seumas Grannd]. THA ainm an t-saighdeir òig so, air tàilleamh na thachair dha, agus nan cunnartan troimh an deachaidh e, fhathast air mhaireann anns an reisimeid ainmeil so. Bha Fearchar Og am measg na ceud fheadhainn a dh’éirich le Caimbeulach Fhuinn-an-aba ’n uair a chruinnich e buidheann de ’n Fhreiceadan Dubh. Bha iad ann sè buidhnean de Ghàidheil a chaidh a chur air bonn ’s a bhliadhna 1729 a chumail ceannairc ri leathad am measg cuid de na fineachan, agus a dh’ fhaicinn nach robh dubh-chìs air a togail bho neach air bith leis na ceatharnaich-choille bha lìonmhor anns an àm. Ged a theirteadh “Am Freiceadan Dubh” ris na sè buidhnean so a chionn gu’n robh an éideadh dorcha seach éideadh an Airm Dheirg, gidheadh bha gach buidheann fa-leth a’ caitheamh breacan an ceannardan; is b’ iad sin Mac Shimidh, Caimbeulach Loch-nan-eala, Granndach Bhail’-na-dalach, Caimbeulach Fhuinn- [TD 176] an-aba, Iain Caimbeul na Carraige, agus Fear Chùl-chàirn. Cha b’ e idir sgaoimearan gun chliù gun chreideas a bha deanamh suas gach buidheann, ach gillean sgafarra, fuasgailte, a mhór chuid dhiubh a’ tagradh càirdeas ris a’ cheannard a bh’ air a’ bhuidhinn, agus iad daonnan ’g an giùlan féin mar ghillean aig an robh beachd ceart air na daoine o ’n tàing iad, agus leis am bu mhiann a bhi airidh air an sinnsear. Thug na ceannardan an aire ’n uair a bha iad ’g an taghadh nach gabhadh iad ach gillean foghainteach, aig an robh fòghlum, agus anns an robh an fhìor fhuil Ghàidhealach a’ plosgadh gu h-uaibhreach, mear. Sin, ma tà, na daoine a bha ri ’m faotainn anns na sè buidhnean a chaidh fo ’n ainm “Am Freiceadan Dubh.” Bha iad air an uidheamachadh mar airm eile, ach a bharrachd air a sin bha iad a’ giùlan, mar thigeadh do nàistinn na Gàidhealtachd, claidheamh-mor, targaid, dag agus cuinnsear. Bha na h-oifigich a’ giùlan tuagh-chogaidh. Bha e air ìnnseadh dhaibhsan a ghabh anns an arm so, nach robh e mar fhiachaibh orra a’ Ghàidhealtachd fhàgail, oir gu ’n robh gu leòir a dh’ obair aca mu chrìochan na machrach Gallda ’s mu ghlinn dorcha is beanntan ùdlaidh an dùthcha féin. Cha robh anns an Fhreiceadan Dubh laoch a bu ghaisgeala ’s bu dàna ri uchd cruadail na Fearchar Og á Loch-abar, a bhuineadh do bhuidhinn a’ Chaimbeulaich á Fuinn-an-aba, a bha aig an àm so suidhichte air fearann a’ cheannaird so, air ré shè [TD 177] bliadhna an déigh do ’n Fhreiceadan Dubh a bhi air a chur air bonn. Bha cead aig gach buidhinn an t-àite anns am bu mhiann leò a bhi air an suidheachadh a thaghadh. Bha Fearchar Og teom air a’ chlaidheamh, agus eireachdail air a’ ghunna—cinnteach á chuimse le musg no dag—agus cho laidir ’s gu ’n sniomhadh e crudh eich eadar a dhà làimh, ’s gu ’n cuireadh e a sgian-dubh troimh òirleach de dhearg an daraich. Sheasadh e fuachd is teas, tart is acras, gun ghearan, oir chaidh àrach ri cruadal le ’athair, a bha air faiche an àir Latha Raon-ruairidh, agus b’ann ’na làmhan a thuit an ceannard Cléibhirs ’n uair a chaidh a leòn gu bàs. B’ e fìor laoch de ’n t-seann sheòrsa a bh’ ann an athair Fhearchair—fear nach do bhlais riamh aran, ’s nach faca a’ ghrian ag éirigh gun a chodach-cinn a thoirt ri leathad agus taing a thoirt do Dhia ’s do Mhoire; fear nach do cheadaich maide-doichill riamh a chur eadar dà ursann a dhoruis ’n uair a bha e gabhail tràth bìdh, ach a chumadh a chòmhla fosgailte, a’ toirt cuireadh fial do ’n bhochd ’s do ’n fheumach tighinn a stigh; fear nach do dhiùlt a sporan no treise a ghairdean do fhear-daimh no caraid ma bha iad ’nam feum, agus fear nach fhacar riamh gun bhall airm air a ghiùlan. Chaill e a bheatha ann an aobhar a’ Phrionnsa, agus an déigh a bhàis chaidh oighreachd a ghlacadh le Caimbeulach Bhraid-Albann. Mar so b’ fheudar do Fhearchar Og teannadh ris agus dol a ghiùlan a’ ghunna anns an Fhreiceadan Dubh. [TD 178] Is e fìor mhac mar an t-athair a bh’ ann am Fearchar Og—làn de dh’ eachdraidh mu euchdan cogaidh, agus deas daonnan gu a lann a tharruing as leth a charaid. ’N uair a shocraich an luchd-riaghlaidh gu ’n robh na sè buidhnean Gàidhealach ri bhi air an aonadh ’nan reisimeid bha Fearchar Og ’na laidhe leòinte ann an tigh banntraich d’ am b’ ainm Mórag Chamaron, teann air Ionbhar-lochaidh, agus bha e air a ghonadh a bhi air fhàgail ’na leabaidh, ’n uair a bha ’n còrr de ’n bhuidhinn a’ triall gu h-uallach, is Fear Fhuinn-an-aba air an ceann, gu Abar-pheallaidh, far an robh na sè buidhnean ri bhi air an aonadh fo aon cheannard. Fann, glas-neulach, tana ’s mar bha e—oir fhuair e droch sgailc bho chlaidheamh ceatharnaich á Gleann-Neibhis—theab Fearchar leum á leabaidh ’n uair chual e na pìobairean, ’s iad a’ fàgail Gearrasdan Dubh Ionbhar-lochaidh as an déigh, a’ cluich— “Gabhaidh sinn an rathad-mór, Gabhaidh sinn an rathad-mór, Gabhaidh sinn an rathad-mór, Olc air mhath le càch e.” A dheanamh cùisean na bu mhiosa thog naimhdean Fhearchair sgeul tuaileis gu ’n robh e fàs sgìth de ’n t-saighdearachd, ’s gu ’n robh eagal air gu ’n robh an reisimeid ri bhi air a h-òrduchadh as a’ Ghàidhealtachd—’s gur e so thug air a leabaidh a ghabhail, ’s a chumail, aig an àm. Mu dheireadh ràinig an inisg taobh leabaidh Fhearchair, agus loisg i gus [TD 179] a’ chridhe e. Bha e nis ann an ardan fiabhruis. Oidhche bha sin, thàinig cailleach a bha tric a’ tighinn air chéilidh do ’n tigh anns an robh Fearchar ’na laidhe, agus dh’ innis i dha gu ’n robh cuid de na ceathairnich-choille a bha an rùn na biodaig dha, an déigh an cinn a chur r’ a chéile gu ’n cuireadh iad esan gu bàs an éirig nan creuchdan a dh’ fhàg a chlaidheamh-san ’nan claiginn. Tha e coltach gu ’n robh am Freiceadan Dubh a’ ruith nan ceatharnach so cho teann ’s nach robh a bhi beò aca—agus bho nach robh e ’nan comas an geadh mór a mharbhadh, phronnadh iad na h-iseanan—dh’ fheuchadh iad ri Fearchar Og a chur gu bàs. “An e so an nì a tha ’nam beachd, a ghoistidh?” arsa Fearchar. “’S e dìreach—cuiridh iad teine ris an tigh ’s na bheil ann.” “Clann an fhir ud,” arsa Fearchar, “ma tha sin mar sin, ‘is mithich a bhi bogadh nan gad,’ tha ’n t-àm dhòmhsa am fireach a thoirt orm. Is feàrr leabaidh fhuar car oidhche no dhà air an fhraoch bhadanach bhòidheach, na bhi air mo ròstadh an so mar shionnach ann an càrn.” “Air t’ athais, ’ille,” arsa Mórag, “‘is feàrr deathach an fhraoich na gaoth an reothaidh’; saoil thu nach faod thu fasgath fhaotainn an àit’ eile?—tha thu cho fann gu ’m meilich thu ann an aon oidhche leis an fhuachd. ‘Is mairg nach gabh comhairle,’ mar thuirt an sean-fhacal.” [TD 180] “Na ’n robh mi ann an treise mo neirt ’s mo lùgh, so am fear nach teicheadh; dh’ fheithinn ann an so, ’s le m’ chlaidheamh ’s le m’ thargaid ri m’ thaobh, cha ’n ’eil ’san domhan na chuireadh eagal orm. Na ’n tuiteadh do na ceathairnich sin tighinn an tòir air mo bheatha, bhiodh a dhà no trì dhiubh gun phlosg mu ’m faigheadh iad làmh-an-uachdair ormsa; ach tha mi cho lag ri pàisde, agus mar sin feumaidh mi am monadh a thoirt orm agus mo rathad a dheanamh mar is feàrr a dh’ fhaodas mi gu Abar-pheallaidh.” “Is fada an éigh o Loch-abar gu Abar-pheallaidh, Fhearchair,” fhreagair seana Mhórag. “B’ iad Theab agus Cha d’ rinn an dà chù bu mhiosa bh’ aig Fionn riamh,” fhreagair an saighdear. “Bithidh Fearchar an comain latha buana dhuibh air son ar caoimhneis; ach tha a chompanaich ’g a fheitheamh, agus s e falbh is fheudar— Is fheudar dhomh bhi togail orm, Fuireach cha dean feum ach falbh, ’S fheudar dhomh bhi togail orm A dhìreadh nam fuar-bheann. Nach bu neònach, ’s nach bu mhaslach an gnothach na ’n robh am Freiceadan Dubh air gluasad gun Fhearchar bhi ’nam measg? Ciod a shaoileadh mo cheannard Caimbeulach Fhuinn-an-aba, is ciod a theireadh muinntir Bhràighe Loch-abar?” “Air t’ athais, socair bhòidheach,” ars an t-seana bhean. “Air m’ athais! A Dhia gleidh sinn, is cnàmhan [TD 181] m’ athar, a fhuair bàs air son Rìgh Seumas, a’ gluasad anns an uaigh ’s an seann laoch a’ togairt éirigh.” “Bi air t’ fhaicill,” ars an t-seana bhean, “eagal ’s nach till thu gu bràth.” “‘Is fhaide gu bràth na gu Bealltainn,’ mar thuirt an sean-fhacal; ach air latha Bealltainn feumaidh mise bhi aig Abar-pheallaidh.” ’N uair chunnaic na cailleachan nach gabhadh e comhairle, thòisich iad air cagarsaich ri chéile—gu ’n tuiteadh an tarbh-coille air, ach ged nach robh Fearchar saor o shaobh-chràbhadh, rinn e gàire-mhagaidh orra. Bha fhios aige gur e bh’ anns an tarbh-choille neul dubh dorcha air an speur, ’s ma chìthear e oidhche na Callainne tha e cur droch shìde air mhanadh; mar so their iad “thuit an tarbh-choille air,” ’n uair a thachras mi-fhortan do neach. “Is tu bha gòrach ’n uair ghabh thu san arm, ’Fhearchair,” arsa té dhiubh. “C’ arson?” arsa Fearchar. “Ceanglaidh an teanga snaoim nach fuasgail fiacaill.” “Mar a cheangail teanga nam fear bochda agaibhse an latha phòs iad sibhse!” arsa Fearchar gu sgallaiseach. “Ach na biodh fo eagal air mo shon-sa; mu ’n ruig an t-aiteamh an sneachd a tha air gualainn Bheinn-Neibhis bithidh mise air m’ ais,” ars esan, ’s e cur a bhreacan fo chrios ’s a’ tilgeil a thargaid thar a ghualainn; is a’ deanamh fead r’ a chù Bràn, ghabh iad rathad an fhraoich gu [TD 182] Abar-pheallaidh—seachad air ceann Loch-leamhain troimh ’n Làraich-mhóir agus na glinn domhain, dorcha bha eadar e agus Bràigh Raineach. Bha an turus fada, tiamhaidh agus cunnartach, ach le ’chlaidheamh, le dhagaichean, agus le chù dìleas ’ga dhìon, ’s a bhreacan ’ga chòmhdach ’san oidhche ’n uair a shìneadh e e-fhéin air an fhraoch, cha robh fiamh no eagal air Fearchar. Bha a chù dìleas Bràn a’ laidhe ’s ag éirigh leis o ’n a bha e ’na chuilean. B’ e sin an cù gun a leithid—cho foinnidh ri Bràn a bh’ aig Fionn o shean— “Sùil mar àirneig, cluas mar dhuilleig, Uchd mar ghearran, speir mar chorran, ’S an t-alt-lùthaidh fad’ o cheann.” Cha b’ ann aon uair a shàbhail e beatha Fhearchair ’s a dh’ fhàg e làrach fhiaclan ann am feóil ceathairnich Ghlinn Neibhis. Bha a’ ghrian air laidhe mu ’n d’ fhàg Fearchar an clachan, agus cheana bha iochdar nam beanntan dorcha, ged a bha dreòis dhearg air am barraibh fraochach. Air eagal ’s gu ’m faodadh cuid de na ceathairnich-choille bhi triall an anamoich—oir bha iad an geall air a bhi air a lorg—ghabh e am frith-rathad gus an do dhùin an oidhche air, agus an sin a’ cumail sùil bhioraich air gach taobh, ghabh e an sean rathad-mór troimh Choire-choille a dh’ ionnsaidh beul Ghlinne Comhann. Air a làimh chlì bha Beinn-Neibhis le a bathais shneachd-gheal air fholach ann an neòil nan speur, [TD 183] air a làimh dheis bha glinn dorcha ’nan laidhe eadar beanntan corrach ard, le easan cas ag gearradh chlaisean ’sna sleibhtean, agus preasarnaich ùdlaidh challtainn is bheithe ri ’m faicinn eadar e ’s fàire. Air thoiseach air bha fàsach na Làraiche móire, àite cho ùdlaidh fhàsail ’s a tha ri fhaotainn ann an Tìr nam Beann, agus a bu dual smaointean sgeunach oillteil a dhùsgadh ann an inntinn Gàidheil, gu sònraichte aig an àm so dh’oidhche—an eadar-sholus. Cha robh gealach ann, agus bha neòil dhubha a’ seòladh air aghaidh nan speur, a’ cur sgàile air na rionnagan agus a’ fàgail an rathaid a bha Fearchar Og a’ triall, gruamach, dorcha. Bha Bràn fhéin mar gu ’m biodh e fo fiamh, ’s a’ cumail teann air sàil a mhaighstir. Aig tòiseach a thurais cha d’éirich smaoin an inntinn Fhearchair ach na ceatharnaich-choille a bha miannachadh a mhort, ach, a nis, ’n uair a bha ’an t-asdar eadar e agus an àite-comhnuidh-san mu Uisge-lochaidh agus taobh Loch-iall a’ dol am meud, thòisich smaointean eile air éirigh ’na inntinn, agus cha robh mort no milleadh mu ’n cual e o làithean òige nach robh a nis ag éirigh fa chomhair—cuid dhiubh co-cheangailte ris a’ ghleann dorcha troimh an robh e nis a’ triall—gus an robh Fearchar Og, a rachadh gun fhiamh gun eagal am bad seisear cheatharnach an dé, a nis cho meataidh ’s gu ’n clisgeadh e ’n uair dh’ éireadh coileach-fraoich air iteig no a ghluaiseadh preas calltainn le oiteig na h-oidhche. [TD 184] Bha sgeul no dhà mu ’n ghleann so, ma ’s fìor beul-aithris, nach robh idir cneasda. Thriall buidheann de ’n Fhreiceadan Dubh gu bràighe a’ ghlinne so, mu Bhealltainn 1738, fo chomannda Chaluim Mhic a’ Phearsain, a ghlacadh treud chaorach agus a chur an laimh esan aig an robh iad ’san àm, oir bha e air a thagradh gu ’n do thog e creach air Camaronach Loch-iall. Fhuair na saighdearan an treud—mu thrì cheud caora—ag ionaltradh air an t-sliabh; caoraich reamhar, dhubh-cheannach, le cloimh fhada mhìn; agus ’na shuidhe air cloich mhóir teann orra, le chromaig ’na ghlaic, bha an ceatharnach air an robh amharus air a leagail. Is e sean duine neònach a bh’ ann le feusaig fhada liath a sìos gu a chrios; bha leis dà chù garg, gruamach, dubh. Rinn an sean laoch gàire-mhagaidh ’n uair chuir iad an laimh e, agus chas na coin am fiaclan, thòisich iad ri dranndan is las an sùilean, ’n uair a thàinig na saighdearan ’g an còir. Chuartaich na saighdearan an treud, is dh’iomain iad na caoraich gu ùrlar a’ ghlinne; as a sin thog iad orra—a’ cur pìobaire air ceann na treud, oir leanaidh caoraich ceòl na pìoba—gu gearrasdan Ionbhar-lochaidh. Bha na saighdearan cridheil, aighearach, a chionn gu ’n deach aca air an òrdugh a ghiulan a mach cho sgiobalta, ach cha robh h-aon dhiubh cho ait ris a’ chìobair liath, a cheangail iad le glas-laimh air chaol an dùirn, ri Somhairle Mac-a’-Phearsan, bràthair an fhir a bh’ air an ceann aig [TD 185] an àm; agus mar so thriall iad mu thrì mìle gus an d’ ràinig iad alltan, agus an sin mu ’n abradh tu seachd, thionndaidh an trì cheud caora reamhar agus na coin dubha ’nan cluid de thalamh dearg, agus le glaog gàire a dhùisg mac-talla nan creag, chaidh an cìobair liath ’na cheò as an t-sealladh, ’s cha d’ fhàg e as a dhéigh ach a ghlas-laimh a’ gliongartaich ri caol-dùirn Shomhairle, a bha cho bàn ri bréid ’s a bhoineid ag éirigh bhàrr a chinn leis an eagal. Bha an gleann ùdlaidh so ’na àite-còmhnuidh aig na Daoine Sìth, agus có b’ fheàrr a b’ aithne so na bean Dhonnachaidh Chaimbeil, Fear-sporain an Fhreiceadain Duibh, air an robh Fearchar glé eòlach. Bha am boirionnach so gun sliochd, ged a bha i ’n geall air leanabh mic. Cha robh tobar coisrigte ’s na trì sgìreachdan as nach d’ òl i deoch uair is uair, agus gus a sud bha cho math dhi bhi ’g òl uisge an fhuarain a bha aig ceann a tighe féin. Air feasgrar samhraidh ’n uair a bha an latha a’ ciaradh thuit dhi bhi ’na suidhe aig taobh a doruis fhéin ag amharc air Loch-iall, air an robh feath gheal, ’s a bha mar sgàthan ’na laidhe mu ’coinneamh, a’ ghrian a’ pògadh aghaidh mhìn mu ’n gabhadh i mu thàmh ’s an iar—co sheas làmh rithe, ’s iad mar gu ’n tigeadh iad as an talamh aig a casan, ach duineachan beag, brogail, agus boirionnach meanbh, agus thairg iad dhi leanabh r’ a bhanaltrachd. Bha fear-an-tighe á baile—thuit dha bhi aig an àm an Dun-breatunn— [TD 186] agus cha robh duine aig laimh chum a chead iarraidh no a chomhairle a ghabhail, agus ’s e bh’ ann gu ’n do ghabh i an leanabh—air an robh i cho fada an geall. “Gabh an t-slige so de acfhuinn shùl,” ars am bodachan, ’s e sìneadh slige-chreachainn eireachdail do Mhóraig Chaimbeul, “agus suath an acfhuinn moch is anamoch ri ruisg an leinibh.” “Gabh á m’ làimh an sporan so,” ars a’ chailleachag, a’ sìneadh dhi sporan beag uaine, “so agad do phàigheadh roimh làimh, agus cha ’n abair mi nach faic thu sinn a rithis.” An sin shéid a’ chàraid mheanbh so an anail air aodann an leinibh agus chaidh iad as an t-sealladh, mar gu ’n sluigeadh an talamh iad. Bha òr agus airgiod anns an sporan, ach cha robh fhios aig Mórag ciod a b’ fhiach na cùinneachan, oir bha iad fuathasach sean–is ceann Rìgh na Gréige air gach bonn. Is e leanabh glas-neulach tana a bha ’san urra bheag, le sùilean biorach, dubh, deurach; bha a làmhan beaga gun mhìr air cnàimh dhiubh, agus bha e daonnan a’ mànran ’s a’ caoidh. Fo chùram Móraig cha robh e fada togail ris, ’s ’n uair a shuathadh i a shùilean leis an acfhuinn-shùl thòisicheadh e air gàireachdaich ’s air a chasan beaga a bhreabadh le iollach—mar a ni clann an t-saoghail so. Bha a leithid de bhuaidh aig an nì a bha ’s an t-slige-chreachainn air an leanabh gu ’n robh Mórag air a buaireadh cho mór, gu ’n do shuath i, latha [TD 187] bha sin, beagan deth ri a sùilean fhéin, agus mu ’n d’ fhuair i ùine air a sùilean a phriobadh bha an tigh làn de dhaoine beaga sìthe—na fir ann an triubhais uaine is clogaidean luachrach, ’s na mnathan le còtaichean beaga uaine—’s iad uile a’ cur ri dannsadh ’s air gearradh ghailleag mu choinneamh an leinibh, agus leis mar a bha a shùil ’g an leanailt bha Mórag làn chinnteach a nis gur ann do Shìthean na Làraiche-móire a bhuineadh an sìochaire! Ciod a bha i ri dheanamh? Cha bu mhath leatha miothlachd a chur air a’ chuideachd, nì mò bha toil aice fhios a bhi aca gu ’n robh i fo eagal, ’s ged a bha i air a searbhachadh gach là le bhi faicinn an sgriothail so m’ a casan, bha i gabhail oirre nach robh i ’g am faicinn, ach bha i ’g ùrnuigh gu dùrachdach gu ’n tilleadh fear-an-tighe gu goirid, gu ’m faigheadh i saor ’s an leanabh sìth, d’an robh i air a shon sin a’ deanamh a dleasanas gu dìleas, agus a bha air fàs ’na leanabh maiseach; agus goirid ’na dhéigh so ’n uair a thàinig parantan an leinibh ’g a iarraidh, ghuil i cho goirt air a shon, ’s ged a b’ e leanabh fhéin a bh’ ann, oir dh’ fhàs i toigheach air ged nach b’ ann de shliochd an domhain so e. Beagan mhiosan ’na dhéigh so, thuit do Mhóraig Chaimbeul, ’s i na b’ aonranaiche na bha i riamh, a bhi dol troimh ’n Làraich-mhóir, agus ann an tiota chunnaic i a’ dannsadh air an lèanaig uaine sgaoth de na daoine sìthe ’nan deiseachan uaine, [TD 188] agus ’nan teis-meadhoin co chunnaic i ach an leanabh a bhanaltraich i, agus a pharantan leis; agus leis an eagal ghlaodh i orra tighinn g’ a cuideachadh. Ann an tiota sguir an ceòl ’s an t-aighear, agus bha fear ri fhaicinn air aghaidhean meanbh na cuideachd, agus an sùilean a’ lasadh le corruich. “Ciamar a chunnaic thusa sinne?” dh’ fheòraich athair an leinibh-shìth. “Nach do bhanaltraich mi do leanabh, a charaid,” arsa Mórag, ’s i air chrith le eagal. “Ach ciamar a chunnaic thu sinne?” ghlaodh an sgriothal gu gobach. Chriothnaich Mórag bhochd, is bha i ’na tosd. “Direach sin,” ghlaodh iad uile, “bha i a’ suathadh a sùilean le ar sàbh-shùl-ne, am boirionnach dannara.” “Cuiridh sinn sin ceart,” arsa h-aon de na bodachain shìthe a bha mu thrì troidhean air àirde—agus air an aobhar sin air a mheas na ’fhamhair am measg chàich—agus a’ seasamh air a chorra-bioda, shéid e anail a suas ’na h-aodann, agus ann am prioba na sùla, chaill i sealladh air na sìthichean uaine, ’s cha robh aice ach an lèanag uaine air an robh iad a’ dannsadh. De na miltean a bha cruinn cha robh fiu a h-aon ri fhaicinn. “Na biodh eagal ort, a Mhóraig,” ghlaodh guth caol bho thaobh an t-sléibh, “oir bithidh soirbheachadh aig fear-an-tighe.” Co thuirt so ach an leanabh sìth a bhanaltraich i. [TD 189] “Ach tachraidh na tha ’n dàn dha,” arsa guth eile gu reasgach. Làn geilt thill Mórag Chaimbeul gu a bothan beag, as an robh i deich làithean, ged nach do shaoil i gu ’n robh i leth uair as; ach cha ’n fhac’ i a fear-pòsda riamh tuilleadh. Sheòl esan thar chuantan gu tìr chéin, oir fhuair e àrdachadh anns an arm; agus mar so thàinig faistinneachd an leinibh-shìth fìor, oir bha soirbheachadh aige. * Bha uirsgeul eile ag éirigh ann an inntinn Fhearchair agus ’g a ghluasad gu mór. Ann am bothan-àiridh teann air an àite ’san robh e, thachair do charaid dha fhéin, ’s e ’sa mhonadh a’ sealg, fasgath a ghabhail ré na h-oidhche. Bha iongantas air teine fhaotainn anns a’ bhothan, agus ’s e rinn e streap a suas agus suidhe air na cabair, ach ciod a thachradh. Cha robh e fada air an spiris ’n uair a thàinig troich de dhuine mu dhà troidh air àirde a stigh. Bha a cheann, a làmhan agus a chasan fuathasach mór—móran na bu mhotha na bu chòir dhaibh a bhi air son a’ mheudachd-san—bha a shròn fada, agus car innte, agus cho dearg ri spòg a’ ghiomaich; ’s bha a shùilean a’ lasadh ’na cheann. Thug e nall ás an oisinn pasgan sgolb, cheangail e r’ a chéile baslach dhiubh, agus thòisich e le chraos mór ri ’anail a shéideadh orra, gus an robh pluic * Tha e coltach gu ’n do thachair “na bha ’n dàn dha,” oir tha e air innseadh gu ’n deachaidh a mharbhadh aig cath fuilteach Ticonderoga, aig ceann h-aon de bhuidhnean an Fhreiceadain Duibh. [TD 190] piobaire air; a lìon beagan is beagan thòisich craicionn ri fàs air a’ phasgan sgolb, agus ghabh iad riochd duine. Cha b’ urrainn do ’n t-sealgair, a bh’ air na sparran, cumail air fhéin na b’ fhaide, agus a’ cur bonn sè-sgillinn ’na dhag, leig e sud ri ceann mór an fhir a bha fodha, a chaidh ’na mhulcan teine a mach troimh mhullach an tighe, a’ giùlan leis an lànan ’s an cabar-droma, ’s a’ fagail an t-sealgair air a mhàgan air an ùrlar am measg na luaithre ’s nan cabar dubha. Is iad naigheachdan neo-chneasda mar so a bha ruith ann an inntinn Fhearchair ’n uair a bha e triall an anamoich, ach ’n am measg uile bha e gabhail misnich anns an t-sean ràdh: “nach fhaic esan a rugadh ’s an oidhche ni gu bràth is miosa na e fhéin”; agus dh’ innis a mhàthair dhàsan ciad uair gu ’n d’ rugadh esan an dubhagan na h-oidhche; agus mar sin ghabh Fearchar srùbag bheag as a’ chòrr a bha ’na phòc-achlais, agus a’ teannachadh a chrios agus ’g a sgioblachadh féin, ghlaodh e air Bran, agus a’ feadalaich Port-mearsaidh an Fhreiceadain Duibh, thog e air ged a bha a nis boinneartaich uisge ann a bha cur air mhanadh oidhche shalaich. Thug e sùil gu mullach Bheinn-Neibhis agus chunnaic e na neòil ghruamach a’ trusadh m’ a ceann, is chual e monmhar an tàirneinich a’ dusgadh mac-talla nan creag, agus ag innseadh gu ’n robh an oidhche ri bhi garbh. Ged a thàinig Fearchar o dhaoine treuna, misneachail, air nach robh eagal [TD 191] ni saoghalta, gidheadh chriothnaich e ’n uair chual e fuaim na gaoithe is fead aice am measg nan stùc, air eagal gu ’n cluinneadh e bùirich an Tairbh-uisge no sgread oillteil, mhi-nàdurra Uruisg Eas-nam-marbh. Chum Fearchar bochd ceum ann ged a bha e glé aonaranach, gus an d’ ràinig e guala na beinne, agus an sin bha aige air a dheis-làimh a’ ghlaic mhór anns a bheil Loch-leamhain ’na laighe, agus air a làimh-chlì bha a’ fosgladh roimhe na glinn tha ruith rathad Loch Tréig, àite-comhnaidh Damh-mór-a-Mhonaidh-liath, a bha cho sean ris a’ cheò, ’s air nach do rinn urchair riamh dolaidh. “Dh’ fhàs a nis an oidhch’ ro shalach, Bhrùchd na tuiltean troimh na gleannaibh, Fhreagair creag is beinn le farum Fuaim na gaillinn air an raon; Las an iarmailt suas mar fhùirneis, Le tein’-athair gathach lubach, ’Na dhearg still mu chinn nan stùcan, ’Leum ’na spùt o thaobh gu taobh.” ’N uair a bha Fearchar a’ tuisleachadh leis an eagal, nochd boillsgeadh an dealanaich dha bothan beag fo sgàile creige, agus bho nach robh e nis comasach dha a chasan a chumail le neart na gaillinn, rinn e rathad air a mhàgan a dh’ ionnsaidh a’ bhothain. Air dha an seòrsa doruis a bh’ air a’ bhothan a chrannadh, thilg e e-fhéin air an ùrlar, ’s e gun lùth gun anail, agus chrùbain Bran bochd, ’s e ’n impis a bhi marbh leis an eagal, ri thaobh. [TD 192] ’N uair a thoisich Fearchar air meòrachadh air na thachair dha, agus air na sgeulachdan a chual e an làithean òige mu bhuidsichean, mu eich-uisge, ’s mu uruisgean, cha robh e ’g a mheas féin sàbhailte anns an dorcha ann an àite cho aonaranach, ùdlaidh ris a so, agus air dha amus air connadh ann an oisinn, gabh e acfhuinn-theine agus clach-spor, agus thog e smùid ann an tiota, mar is tric a rinn e an làithean òige. Bha aige ’na mhàileid collag shithinn, agus chuir e sud anns a’ bheòthlaich g’ a ròstadh; chuir e tuilleadh connaidh air an teine, agus a’ sgaoileadh a bhreacain thairis air féin agus air Bran, thuit iad le chéile ’nan suain chadal, oir bha iad seachd sgìth le ’n turas, agus dhi-chuimhnich iad an dà chuid a’ chollag a bha measg nan éibhleag, agus a’ ghaillionn a bh’ ann an Gleann Mór na h-Alba air an oidhch’ ud. ’Na aisling bha Fearchar am measg a chompanaich ann an Abar-pheallaidh. Bhruadair e gu ’n robh bliadhnachan o nach robh e anns an Fhreiceadan Dubh, ach chunnaic e a cheannard, Fear Fhuinn-an-aba, a’ coimhead air gu gruamach, agus cha robh am measg a chàirdean ’s a chompanach na shealladh air. “Ciod is ciall dha so—ciod a thachair?” dh’ fheòraich e le ioghnadh. An sin dh’innis iad dha gu’n robh am Freiceadan Dubh air a mhaslachadh, oir gu ’n robh triùir dhiubh a rinn an tréigsinn, agus air an latha so [TD 193] gu ’n robh iad ri bàs fhaotainn ann an lathair na reisimeid. Bha e faicinn gach ni gu riochdail fa chomhair, chual e ceòl tiamhaidh na pìoba ’s i cluich “Cumha dubh Shomhairle,” ’n uair a bha an triùir thruaghan a’ triall gu mall, trom-cheumach a dh’ ionnsaidh am binn, ach bha leis gur ann an tìr choimhich a bha so uile a’ tachairt, agus b’ iad coigrich a bha mu ’n cuairt air, ’s iad a’ labhairt cainnt air nach robh e eòlach. Astar fa chomhair bha caisteal mòr le ceithir tuireadan àrda a bha deàrrsadh ann an gathan na gréine. ’S i mhaduinn a bh’ ann, agus bha leis gu ’n robh e cluinntinn morbhanaich móran sluaigh. Chriothnaich Fearchar ’n uair a chaidh an triùir a bha fo bhinn bàis seachad air cho teann ’s gu’ n cual e iad a’ tarruing an anail, ach bha an aghaidhean air am folach uaith, oir bha an cinn suainte ’nam breacain, a réir na seana chleachdainn Ghàidhealaich a bhuineadh dhaibhsan a bha guidhe tròcair. Chaidh croinn a chur gu stòlda ach co air a thigeadh e losgadh air an triùir a bha ri bàs fhaotainn, agus, leth na truaighe! bha Fearchar fhéin am measg a’ phrasgain a bha ris an dleasanas is neo-thograiche a thuit air saighdear riamh, a thoirt gu ceann-finid! ’N uair a thàinig an t-àm dhaibh losgadh, ’s a bha an triùir thruaghan a nis air an glùinean fa an comhair ’s an cinn ’n am breacain, rinn Fearchar cinnteach nach biodh am fuil air a cheann-san co-dhiu, oir dhuineadh e a shùilean is loisgeadh e [TD 194] air thuaiream air balla chaisteal nan turaid a bha fa chomhair. Bha iad a nis an déigh am fùdar-cluais a chur air am musgan agus a’ feitheamh òrdugh losgaidh, ’n uair a bhuair ni-eigin e gu a shùilean fhosgladh, agus thuit gu ’n robh am breacan a bha còdachadh ceann fir dhe ’n triùir a bh’ air an glùinean, an déigh tuiteam a sìos cùl a chinn, agus, Dia ’g ar teasraiginn! dé chunnaic Fearchar ’na bhruadar ach aghaidh fhéin air an duine bhochd a bha fo bhinn bàis! Bha aghaidh fhéin fa chomhair, ach cho ghlas-neulach, dhéistinneach, ’s a shùilean cho eagalach, gu ’n do chriothnaich Fearchar is thuit am musg a bha ’na laimh, thàinig fàilinn air a shealladh, bhris fallus fuar air a bhathais, dhùisg e as a chadal le clisge, is chual e guth reasgach a’ dranndan ’na chluais—“Fhearchair Oig, bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear lic!” Thug Fearchar aon ghlaodh as is leum e air a bhonnaibh. Chunnaic e nach robh e leis fhéin, ach gu ’n robh seana chailleachag ’na crùban taobh an teine, is Bran, le shùilean a’ lasadh ’na cheann, an geall a bhi ’na bad. Bha aogas na caillich da-rìreadh neònach. Ann an solus an teine bha a sùilean mar lasair bheò ’na ceann, bha a sròn biorach is car cam innte, le beul dubh, sliopnach, is aghaidh ghlas-neulach, odhar. Bha fallainn bhuidhe-ruadh a sìos gu a sàiltean, bha a làmhan odhar, cnàmhach, ’s a meòir chaola, chruaidh, chnapach, mar mhàg na h-iolaire. Bha i [TD 195] borbhanaich rithe féin air uairibh, ’s an dràsd ’s a rithist bheireadh i sùil gheur air Fearchar. Uair a bha sin leag i a sùilean lasrach air gus an do theab e dol ’na bhra-cheò, agus gu ’n a sùil a thogail dheth thiolp i as a ghriosaich a’ chollag shòghar shithinn, agus le gàire magaidh dh’ ith i i gu toilichte, ged a bha na h-eibhleagan an crochadh ris a’ chollaig. Thoisich Fearchar air e féin a sheunadh, mar a bu mhath a b’ aithne dha, agus thug a’ chailleach an aire dha agus ’ga dìreachadh féin, gus an robh i mu thrì troidhean, sheas i mu choinneamh agus colg oirre. Bha Bran a’ casadh fhiaclan agus an geall air a bhi ’na bad, ach rug Fearchar air chùl amhaich air agus chum e air ais e, air neo bheireadh e chailleach ’na h-iallan. A chur Dia eadar e ’s a chailleach thuirt Fearchar rithe gu dana— “Có thusa, a bhoirionnaich?” “Cas-shiubhal an t-sleibhe, coltach riut fhéin, theagamh. Ach có thusa?” dh’ fheòraich ise, gu dalm, dannarra. “An aithne dhuit an sean-fhacal—‘An nì a chuir na maoir a dh’ Ifrinn, farraid an ni a b’ fheàrr a b’ aithne dhaibh,’” fhreagair Fearchar, ’s e cumail Bhrain o ’n chaillich. Air chluinntinn so dhi, las a sùilean ’na ceann, is sheall i gu feargach air Fearchar ’s air a chù. “Mo thruaigh, mo thruaigh!” arsa Fearchar fo ’anail, “b’ annsa leam an diabhul fhéin na chailleach ghnù, ghrannda so. Fhuair mi fasgath gun teagamh, [TD 196] ach le ise bhi so, cha robh ann ach ‘as a’ choire do ’n griosaich.’ Na ’m bu ghruagach dhonn, òg i, is mise a bheireadh leth mo bhreacain dhi, ach seana chailleach ghnù—dean laighe, a choin!” ghlaodh e ri Bran, a bha aon uair eile an geall air a bhi an sealbhan na caillich. “Am bheil so càirdeil no duineil?” ars ise, “a bhi cumail uilebheist coin a tha cho mi-mhodhail, agus ri boirionnach cuideachd. Mo nàire ort fhéin; cuir a mach e gus am fuaraich a’ ghailionn an fhuil a tha ’na chraicionn.” “Tapadh leat; ach cha dean mi sin. Tha Bran is mise mar na h-oghachan.” “Mach e, tha mi ’g ràdh riut,” ghlaodh a’ chailleach, “air neò faodaidh na ’s miosa eirigh dhuit.” “Cha chuir mi mach e, a bhoirionnaich,” arsa Fearchar, gu diongmhalta, ’s e ’g amharc air a’ chaillich, a bha a nis air sìneadh gu comharraichte. “Fhuair thu do chuid fhéin de fhasgath a’ bhothain, agus an t-iomlan de ar suipear; ach gu ’n cuirinn-sa Bran a mach as an tigh air do shon-sa: is mi nach dean sin.” Bha Bran fad na h-uine mar gu ’m biodh e tuigsinn na bha dol eadar a’ chàraid, oir bha a shùilean a’ lasadh agus bha gu leòir aig Fearchar r’ a dheanamh g’ a chumail air ais o ’n chaillich. “Dean laighe, dean laighe!” arsa Fearchar. “Ciod an donas tha ceàrr air a’ chù; cha ’n fhaca mi riamh cho garg e. Gun teagamh tha e air a ghonadh gu ’n d’ ith thusa a shuipear—oir cha [TD 197] robh eadarainn air an deargadh fiacaill ach a’ chollag sin—a h-aon de chrodh donn Mhic-gill-onfhaidh.” “Mac-gill-onfhaidh,” thuirt a’ chailleach rithe fhéin, ’s i blàthachadh a làmhan ris an teine; “bu mhath a b’ aithne dhomh e.” “Thusa,” arsa Fearchar. “Thubhairt mi mise,” fhreagair a’ chailleach, le aoibh uilc. “’S e sealgair treun a bh’ ann o chionn cóig ceud bliadhna, ann an Gleann Mór na h-Alba!” “Is de ’s fhiach cóig ceud bliadhna leamsa a chunnaic uisgeachan na Tuil a’ sìoladh ’s a’ fàgail Beinn Neibheis ’s a bathais ri athar.” “Tha thu ri feala-dha a nis,” arsa Fearchar, a’ feuchainn ri gàireachdaich, ged nach robh e idir sunndach, oir bha a’ chailleach a’ fàs ’s a’ fàs gus an robh i nis an ceann na b’ àirde na esan; agus bha e cumail sùil gheur oirre, ’s aon làmh air a chuinnsear a bha air a ghiùlan, agus an làimh eile a’ cumail Bhrain air ais, oir bha e nis ag ulartaich na b’ àirde na fuaim na doininn. “A bhoirionnaich,” arsa Fearchar gu dana, “mur ’eil mi air mo mhealladh tha ni-eigin ort nach ’eil cneasda; cha do chòrd mo bhruadar rium.” “Bruadar maidne,” ars a’ chailleach gu nimheil. “Cha ’n ’eil teagamh nach eil agadsa ri dheanamh ri m’ bhruadar.” “Fàg mar sin fhéin e.” [TD 198] “Ciod idir is ciall do m’ bhruadar?” arsa Fearchar, fo anail, “oir cha ’n ’eil ann am bruadaran maidne ach rabhaidhean, air neo manaidhean na tha air thoiseach oirnn. Gu ’n robh beannachadh Dhia ’s nan naomh leam.” ’N uair chuala a’ chailleach na facail sin rinn i snodha gàire. “Theagamh nach Pàpanach thu,” arsa Fearchar, ’s e fo imcheist. Air cluinntinn so dhi, rinn i glag gàire, agus thug Fearchar an aire gu ’n robh i fàs ’s a’ fàs, ni a bha cur mór iomgain air; agus bha e cumail a shùil air dorus a’ bhothain air eagal gu ’m feumadh e teicheadh, agus e fhéin earbsa ris an Fhreasdal agus a’ ghaillinn seach a bhi an cuideachd na bansgaill oillteil so. Mar a bu mhotha bha i fàs ’s ann a bu deirge, ’s bu lainniriche a sùilean agus a b’ uamhasaiche a greann. Thréig a chridhe e, ’s cha robh uair a leagadh i a sùilean dealrach air, nach robh fallus fuar a’ brùchdadh a mach air. “C’ ar son tha thu cumail do làimh air do chuinnsear, ’Fhearchair?” ars ise, ’s i deanamh gàire-mhagaidh. “Air son a cheart aobhair a tha mi cumail mo làimh air amhaich Brain—gu bhi deas. Nach buin mi do Fhreiceadan Dubh an Rìgh? Ach ciamar is aithne dhuit-sa m’ ainm.” “Is suarach sin dhòmhsa, a b’ aithne Mac-gill-onfhaidh!” [TD 199] “Có ás a thàinig thu an nochd?” “A Eilean nam Madadh,” fhreagair i, le glag gàire. “Tha sin cho breugach ris a’ chòrr de d’ sgeul,” arsa Fearchar; “oir tha an t-eilean sin taobh mach de Cholla—dùthaich Chloinn Ghill-eathain. Is fheudar gu ’n do thriall thu gu spéideil.” “Tha iad a’ deanamh sin a tha triall air sgòd na gaoithe.” “A bhoirionnaich,” arsa Fearchar—’s e ’g a shìneadh féin leis an eagal, oir bha a’ chailleach a nis na b’ àirde na e fhéin, agus a réir coltais, gu goirid bhiodh a ceann cho àrd ris na sparannan—“is aona chuid diabhul no ban-bhreugaire thu! Có dhiubh a their mi riut?” “A réir do thoil,” ars a’ chailleach, ’s i ’g a sìneadh fhéin. “Dearbhaidh sinn sin,” arsa Fearchar, ’s e glacadh a chuinnseir, ’s a’ leagail as do ’n chù. “Leum orra, mo chuilean treun, is cum fodha i. Sin thu, laochain, cuilean tapaidh! oich, oich is sleamhainn an greim dhàsan aig a bheil easgunn air earball; éirich oirre, a Bhrain, oir tha thu cho laidir ri Mac Stàirn.” Thug Bràn daoi-leum as am bad na caillich, a thug sgread mhi-nàdurra aisde, agus a bha mach as an tigh ann am prioba na sùla, a’ cur an doruis ’na chlàir; ’s an cù aig a sàil. Chaidh iad le chéile as an t-sealladh anns an dorchadas. Sheas Fearchar car tacain ’s an dorus ’s e gu ’n anail leis [TD 200] an eagal. Bha a’ ghaoth a’ nuallanaich anns an t-srath dhorcha a bha an drasd ’s a rithist air a lasadh le tein’-athair, ’s bha an tàirneineach a’ dùsgadh mac-talla nan creag. Ach, fuirich ort, ciod an fhuaim tha sud! Tha sgread chruaidh, oillteil, mhi-nàdurra na caillich agus sgal a’ choin a’ tiginn as an tiugh dhorchadas, a tha car tiota air a lasadh le mìltean de shradan beò. Cha mhór nach do leum an cridhe á Fearchar ’n uair chunnaic e an sealladh eagalach so, ’s e ’n a sheasamh ’s an dorus ’s a chuinnsear ’na làimh. A rithist chual e tathunn Bhrain, ’s e tighinn na bu dluithe ’s na bu dluithe, agus ann an tiota bha an cù tapaidh, le caoidhrean muladach, r’ a thaobh agus laigh e aig a chasan. ’S e Bran a bh’ ann—Bran luath-chasach, làidir, gaisgeil, agus dìleas—ach ciod a chor! Air a ghearradh ’s air a shracadh, ’s a mhionach slaodadh ris, ’s a’ bhrùid bhochd a’ toirt a suas na deò; oir cha robh de neart aige ach ’na chuir, air éigin, a mach a theanga agus a dh’imlich làmh Fhearchair mu ’n do bhàsaich e. “A Mhoire, ’Mhoire!” arsa Fearchar, ’s e toirt dheth a bhoineid, ’s e làn fiamh is eagail, “gleidh is beannaich mise, oir tha mo chuilean an déigh a bhi còmhrag ri droch-spiorad!”... Cha ’n ’eil e duilich a thuigsinn ciamar a chur Fearchar seachad an còrr de ’n oidhche ud—gun lochd cadail, is inntinn làn de iomgain mu ’n bhruadar a bh’ aige toiseach na h-oidhche agus na thachair an lorg a’ bhruadair sin. [TD 201] Thàinig a’ mhadainn is laigh an doinionn. Dh’ éirich a’ ghrian air speur gun neul gun ghruaim; bha an ceò air a shuaineadh mu mhullach Bheinn Nibheis agus bha bogha-froise ag éirigh bho thaobh na beinne, asdar taobh thall de Loch Leamhain; bha na daimh dhonna a’ bearradh nam badan uaine bha fàs am measg nan creagan glasa; bha na h-eòin gu ceilearach, ’s an iolaire ag itealaich a shealltainn air sùil na gréine; agus gach nì a’ taisbeanadh coltas latha geal samhraidh. Le a chuinnsear chladhaich Fearchar uaigh anns an do chuir e Bran, ’g a chùirneachadh le fraoch cùbhraidh, ’s a’ togail cùirn air an uaigh; agus is iomadh sealladh a thug e as a dhéigh air an àite anns an d’ fhàg e a charaid dìleas agus a chompanach gaolach, an uair a bha e dìreadh nam bruthaichean. An uine ghoirid ràinig e Abar-pheallaidh, far an robh na buidhnean air an aonadh agus air an cur troimh theagasg airm mar aona bhuidheann, leis an Ridire Fear Chùl-chàirn, a chaidh a mharbhadh sè bliadhna ’na dhéigh so aig Blàr na h-Eaglaise-brice. Bha am bruadar neònach a chunnaic e anns a’ bhothan-àiridh, agus an deuchainn a fhuair e leis a’ chaillich, daonnan fa-chomhair inntinn, agus thàinig cuisean gu aona-cheann ’nuair fhuair am Freiceadan Dubh, a bha nis ’na aon reisimeid, òrdugh dol do Shasunn. Bha so da-rìreadh searbh, agus dh’fhàg na h-uile rud a bh’ ann Fearchar fo ghruaim ’s fo mhulad. [TD 202] Tha fhios aig muinntir na Gàidhealtachd gu léir mar a chaidh am Freiceadan Dubh a mhealladh anns a’ chùis so, ged nach ’eil ann ach aon eiseimpleir air an doigh anns an tug luchd-riaghlaidh na rìoghachd mu ’n àm so, an car as na Gàidheil, is iad an geall air luchd-leanailt Righ Seumais a thanachadh ann an Albainn le ’n riobadh gu gabhail anns an arm, agus an sin an òrduchadh gu tìrean céin; is e so a b’ aobhar do gach buaireas is ar-a-mach a bha co-cheangailte ris na sean reisimidean Gàidhealach. Thàinig an t-òrdugh triall do Shasunn air an reisimeid mar chloich ás an athar, agus thog e leithid de bhuaireas ’nam measg, oir bha làn fhios aca gu ’n robh e ’na nì mi-laghail an òrduchadh a mach á Albainn; oir ’n uair a ghabh mic nan ceann-cinnidh agus clann uaislean eile anns an arm so, b’ ann le barantas nach robh iad ri dol o ’n tìr féin; agus mar so bha eagal air Fear Chùl-fhodair gu ’n éireadh an reisimeid a dh’ aona bheum ’s a dh’ aona bheachd ann an ceannairc na ’n rachadh an t-òrdugh so a ghiùlan a mach, agus chomhairlich e an Seanalair Clayton, Ard-cheann-feachd na h-Alba, gu ’n robh cunnart anns an nì a bha e deanamh; agus a chum ’s nach éireadh iad an ceannairc, ’s e rinn an ceannard so innseadh dhaibh gu ’n robh iad “a’ dol a Shasunn a dh’ aon obair gu bhi air am faicinn le Rìgh Deòrsa, a chuala iomradh air an Fhreiceadan Dubh, ach nach faca riamh saighdear anns an éideadh Ghàidhealach, [TD 203] agus gu ’n robh boch mór air, Gillean an Fheilidh ’fhaicinn.” Air an clàradh ’s air am mealladh leis na breugan mar so, ghluais am Freiceadan Dubh, is thug iad an aghaidh air Sasunn san Earrach 1743, gun fhios aca gu ’n robh soitheachan air an òrduchadh a bha ri ’n giùlan gus an Fhlanndrais; agus ma tha ’n còrr fios a dhith air daoine gu ’n deachaidh am mealladh, tha e ri fhaotainn ann an naigheachd a chaidh a chraobh-sgaoileadh anns a’ phaipear-naigheachd ris an abrar The Caledonian Mercury, mar so:—“Air Di-ceudain so chaidh, ghluais an Reisimeid Ghàidhealach fo chomannda Lord Sempill á Albainn do Shasunn, gu bhi air an nochdadh do ’n Rìgh.” Bho ’n a dh’ fhàg iad an tigh cha robh baile troimh ’n deachaidh am Freiceadan Dubh anns nach d’ fhuair iad fàilte ’s furan o ’n t-sluagh a bha ag amharc le ioghnadh air Gillean an Fheilidh, le ’n éideadh neònach ’s le ’n armachd air leth; agus ghluais na saighdearan iad féin ann an dòigh a bha ro chliùiteach dhaibh. ’Nuair a bha iad a’ tighinn teann air Lunnainn, thòisich na Sasunnaich air magadh orra, ni a chuir gruaim air na gillean Gàidhealach, a bha ’m beachd gu ’n tàinig iad do ’n dùthaich so aig cuireadh an Rìgh! Air an deicheamh-là-fichead de ’n Ghiblin ràinig an reisimeid Lunnainn, agus ceithir-là-deug ’na dheigh so bha iad air an cur troimh theagasg airm air raon farsuing Finchley, leis an Ard-cheannard [TD 204] Wade, ann an làthair comh-chruinneachadh mór sluaigh; ach sheòl an Rìgh, a bha sùil aca fhaicinn, á Greenwich gu Hanover, an oidhche a ràinig am Freiceadan Dubh Lunnainn. Thuig iad a nis gu ’n robh iad air am mealladh, “’s gu ’n d’ innis an Rìgh breug dhaibh, agus gu ’n tug e an car asda,” agus bheothaich so srad ’nan cridhe a dh’ fhàs goirid ’na dhéigh so ’na lasair bheò! An déigh an latha mhóir a bh’ aca air raon Finchley, thuit do Chalum Mac-a’-Phearsain agus do Fhearchar Og a bhi aig bòrd tigh-leanna, ’n uair a thàinig triùir Shasunnach a stigh, agus suidhear air taobh eile a’ bhùird. Thoisich iad air moladh na Reisimeid Ghàidhealaich, éideadh nan gillean, agus an dùthaich ás an tàinig iad—nì a’ chòrd ris an dithis, ’s iad fada o thìr an dùthchais agus glinn an gaoil. Bha sgoil mhath aig Fearchar agus a chompanach, agus rachadh aca air Beurla a labhairt gu fileanta, ged nach robh iad ach glé ain-eòlach air dòighean an t-saoghail. B’ fheàrr leam gu ’m faca an Rìgh sinn,” arsa Calum; “thàinig sinn fada air ghnothach na cuthaige.” “An è gu bheil thu cho socharach ’s gu bheil thu creidsinn gu’n robh an Rìgh ag iarraidh ur faicinn?” arsa fear de na coigrich aig an robh fuath nach do cheil e, do Rìgh Deòrsa. “Ciod tha thu ciallachadh?” arsa Calum le ioghnadh. “Nach tusa am baothaire bochd, nach ’eil a’ [TD 205] faicinn nach robh anns an sgeul mu ’n Rìgh a bhi ’g iarraidh ur faicinn ach na dearg bhreugan.” “Dearg bhreugan!” “Seadh dìreach, los ar mealladh ás ar dùthaich agus ar fuadach ás an rioghachd.” “C àite?” “Is coma c’ àite—theagamh do dh’ America.” “Air neò, Botany Bay,” ars a chompanach; ach gabhadh sibhse ur srùbag de Mhac-na-bracha, ’s na biodh cùram oirbh, oir c’ àit’ air bi an cuir iad sibh cha bhi e ni ’s bochda na ur dùthaich fhéin.” “Tapadh leibh,” fhreagair Fearchar gu h-uaibhreach, is e glacadh a sgian dubh; “cha ’n ’eil an còrr deocha a dhìth oirnn.” “Creidibh mise,” ars an Sasunnach a labhair roimhe, “’s e tha dhìth air an luchd-riaghlaidh uiread dhaoine ’s a dh’ éirich le Seumas ’s is urrainn iad, fhaotainn as an dùthaich; ’s cha ’n ’eil an so an dràsda ach cuid de na tha ’n am miann.” “Fheara,” arsa Fearchar, ’s e tarruing a chuinnseir á thruaill—ni a chuir eagal an cridhe air na Sasunnaich—“mionnaichidh sibh sinn air mo chuinnsear.” “Ciamar— c’ arson?” “Air an stàilinn chruaidh; cha ’n aithne dhuinne bóid is diongmhalta,” arsa Fearchar gu grunndail. “Bheir mise mo mhionnan air stàilinn no air stuth-nam-poitean, is ion leam có-dhiu,” ars an Sasunnach, ’n uair a thuig e nach robh Fearchar dol a dheanamh dochunn le chuinnsear. “Tha e [TD 206] fìor gu leòir,” ars esan, ’s a’ caogadh r’ a chompanach, “dh’innis ard-fhear-comhairle an Rìgh sin do charaid dhòmhsa an dé.” Las sùilean Chaluim ’n uair a chual e so; agus chuir Fearchar a laimh r’ a bhathais ’s e a’ cuimhneachadh a’ bhruadair eagalaich a chunnaic e ’sa bhothan-àiridh. “Tha na chuala sibh fìor,” ars an treas Sasunnach, ’s e faicinn gu ’n robh na bha iad ag ràdh a’ deanamh drùthadh trom air na Gàidheil bhochda, a bha gun ghò; “cha chuala sibh ach smior na fìrinn; tha iad an geall air ur cur thairis, ’s tha iad cearta coma ged a bhàsaicheas sibh leis a’ chruimheig mar chaoirich, mar a thachair do reisimeid a chaidh do Jamaica.” “Cha ’n ’eil a chridh’ aca ar mealladh!” arsa Calum, ’s e tarruing a chlaidheimh. “A chridh’ aca!” “Cha ’n ’eil.” “Am bheil thu ’g ràdh sin—c’ arson?” “A chionn gu bheil anns a’ Ghàidhealtachd leth cheud mìle claidheamh a leumadh as an truaill gu ar dìoladh!” Rinn na Sasunnaich glag gàire ris a so. “Bha sibhse mar shlatan ann an làimh Rìgh Deòrsa a sgiùrsadh ur luchd-dùthcha féin,agus a nis mar shlatan gun fheum, tha sibh ri bhi air ur tilgeil anns a’ ghriosaich,” arsa fear de na Sasunnaich. “’Dhia ’s do Mhoire!” arsa Calum, ’s e leigeil a làimh air ceann a chlaidheimh. [TD 207] “Uist, ’s bi sàmhach,” arsa Fearchar, “cha ’n ’eil aig an t-Sasunnach ach smior na fìrinn; rinn iad amadain dhinn. ‘Bithidh gach ni mar is àill le Dia.’ Rachamaid air ais do ’n Fhreiceadan Dubh; agus, mo thruaighe! na luiristean Sasunnach is am bodachan Gèarmeilteach is Rìgh aca, ma thug iad an car asainne!” Air an rathad air ais do Lunnainn bha Calum is Fearchar a’ meòrachadh air na chual iad anns an tigh-leanna am Finchley; agus tha e coltach gu ’n cuala feadhainn eile anns an reisimeid a’ cheart sgeul; agus mu ’n do dhùin am feasgar cha robh saighdear ’san Fhreiceadan Dubh nach robh cinnteach gu ’n deachaidh am mealladh leis na breugan a dh’ innis an Rìgh, agus cha robh ag anns a’ chùis, oir nach tug e chasan as do Hanover, gu bhi ás an rathad. Dh’ éirich ’nan inntinn mort Ghlinne-Comhann ’s mar a chaidh Mac Iain Ghlinne-Comhann a mhealladh ’s a mhort, agus mar so mu ’n do bhuail dà-uair-dheug a dh’ oidhche cha robh saighdear anns an Fhreiceadan Dubh nach robh an rùn na biodaige dhaibh-san a thug an car asda, agus cha robh iad fada a’ deanamh suas an inntinn tilleadh an taobh a thàinig iad. Cha bu ruith ach leum leò! Aig an àm so cha robh bruadar Fhearchair idir ’g a fhàgail, agus ged a bha e feuchainn a chur uaithe cho math ’s a dh’ fhaodadh e, dh’ éireadh ’na inntinn an rabhadh uamhasach—“bithidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lic.” [TD 208] Air an oidhche sin féin, aig buille an dà-uair-dheug, chruinnich an reisemeid uile ach na h-oifigich—agus bha fhios aig a’ mhór-chuid dhiubh-san ciod a bha dol air aghaidh—air machair Highgate. Bha iad ann an làn uidheam, agus Calum Mac-a’-Phearsain air an ceann, a dh’òrduich dhaibh fùdar is peileir a chur ’s na musgan, is thriall iad gu sàmhach socrach, a’ toirt an aghaidh air Tìr nam Beann. B’ e sin an ionnsaidh dhalma, oir bha iad gun chùram ’s gun aithne air an astar a bh’ air thoiseach orra, agus ain-eòlach air an rathad a bha iad ri thriall. Cha robh ach trì rudan fa ’n comhair—cumail r’ a chéile, seasamh an aghaidh dol thairis, agus dol dhachaidh. Bha de thoinisg annta na sheachain na rathaidean móra; a’ triall ’san dorcha bho choille gu coille, agus ’g an cumail féin á sealladh ré an latha; agus mar so ré latha no dha cha robh fhios ciod an taobh a ghabh iad, ged a chaidh òrdugh a mach do gach ceann-feachd eadar Lunnainn agus a’ chrìoch Shasunnach an glacadh ’s an tilleadh. Mu mheadhon a’ mhìos Mhàigh ràinig fios Lunnainn gu ’n robh “Gillean an Fhéilidh” an déigh dol seachad air Northampton, agus chaidh buidheann mharc-shluaigh a chur ’nan deannaibh air an tòir, a rinn suas orra, ’n uair a bha iad a’ fàs fann leis an acras is dìth cadail, aig àite ris an abrar Ladywood, far an robh iad air cruinneachadh ann an coille dhòmhail, a bha air a cuartachadh mu naoi uairean [TD 209] feasgar le marc-shluaigh fo chomannda an t-Seanalair Blakeney. Chaidh fear d’ am b’ ainm Captain Ball a chur g’ an ionnsaidh, mu bheul an fheasgair, ’s e giùlan bratach fosadh-còmhraig. Ghabh na Gàidheil ris le mór urram, agus chuala Fearchar Og, mar eadar-theangair air son a chompanaich, na bh’ aige ri ràdh. Bha dhith air iad a leigeil sios an airm agus iad féin a thoirt suas mar luchd-ceannairc. “Gus a so,” arsa Fearchar, “ghiùlain sinn sinn-féin gu sìochail, modhail ann an dùthaich na muinntir sinn a mheall sinn ’s a rinn eucoir oirnn, mar a rinn iad air ar sinnsire; ach sheas sinn so aon latha ni ’s fhaide. Amhairc oirnn; tha sinn a’ dol bàs leis a’ ghort, tha sinn sgìth agus air an leth-chuthach. Leaghadh e cridhe cloiche ’nan innsinn na dh’ fhuiling sinn le tart ’s le acras, eadhon ann an tìr ’sa bheil am pailteas.” “Tha sin furasda a leigheas,” ars an saighdear dearg. “Ciamar?” “Strìocaibh.” “Cha ’n aithne dhuinn a leithid a dh’ fhacal ’nar cànain fhéin, ’s ciamar a dh’ fhaodas mi a mhìneachadh dhoibh-san anns am bheil fuil uasal uaibhreach nan gaisgeach.” “Biodh sinn eadar thu fhéin is iadsan; cha ’n ’eil mise ach a’ leigeil sios nan cumhnantan a chaidh aithris dhomh leis an t-Seanalair Blakeney.” [TD 210] “Thugadh an Seanalair gealladh-sgrìobhte dhuinn.” “Gealladh-sgrìobhte,” ars an saighdear dearg, gu h-uaibhreach. “Seadh, sgrìobhte le a làimh fhéin,” arsa Fearchar, gu diongmhalta; “oir tha sinn an so ann an tìr choigreach ’s cha ’n aithne dhuinn có ann an cur sinn earbsa, oir tha an Rìgh e-fhéin an déigh ar mealladh.” “Agus ciod a bu mhiann leat an Seanalair a ghealladh?” “Nach toirear ar n-airm uainn; agus maitheanas saor do gach neach.” “Air neò—” “Is feàrr leinn a bhi air ar gearradh ’nar criomagan.” “Rinn thu suas d’ inntinn air a sin?” “Rinn mi,” arsa Fearchar, gu duineil. “Air m’ fhacal, tha thu bras; feuch nach gabh thu ’n t-aireachas?” “Cha ghabh; smaointich mi mu ’n do labhair mi. Cha ’n ’eil fear ’nar measg a bhrathas a chompanach; tha sinn uile a dh’ aona bheachd a thaobh na cùise so anns an Fhreiceadan Dubh.” Chaidh an saighdear dearg air ais agus dh’ innis e do ’n t-Seanalair mar a bha cùisean a’ seasamh; agus leis gu ’n robh fhios aige mar a chaidh na Gàidheil a riobadh leis an luchd-riaghlaidh, bha e toileach beagan cothrom a thoirt dhaibh, agus mar sin chuir e Captain Ball an taobh a bha iad a rithist. [TD 211] “Thugaibh sibh-féin a suas mar phrìosanaich,” arsa Captain Ball; “liubharadh a suas ur n-airm, agus ni an Seanalair na ’s urrainn e air ur son leis na Morairean Dearga.” “Cha ’n aithne dhuinne Morairean Dubha no Dearga, agus cha ’n eil sinn ag aideachadh ùghdarrais thairis oirnn ach ar n-oifigich fhéin, d’an aithne ar cainnt; agus ar cinn-chinneadh, oir tha am fuil-san ’nar cuislean. Ann ar dùthaich-ne tha e ’na thàmailt a bhi gun airm.” “Am bheil thu cinnteach gur e so barail do chompanaich?” dh’ fheòraich Captain Ball. “Is e, air m’ fhacal, mar dhuin-uasal ’s mar shaighdear,” fhreagair Fearchar gun teagamh. Rinn an Sasunnach snodha gàire ’n uair a chual e na facail sin, oir cha robh fhios aige an seorsa dhaoine bha ’s na Gàidheil. “Gus a so, ’ille,” ars esan, “bu mhi do charaid agus caraid na réisimeid, agus tha mi fhathast déigheil air ur cuideachadh; ach ma tha sibh dol a chumail a mach gu ceannairceach fad aon uair eile, cuartaichte mar tha sibh le feachd an Righ, cha téid anam beò agaibh ás, agus bìthibh cinnteach nach bi iochd no tròcair air a nochdadh dhuibh! Gabhadh beachd air na tha mi ’g ràdh—faodaidh sibh tilleadh ged théid ar fuadach thar sàile, ach cha till sibh as an uaigh.” “Ceart fhacail mo bhruadair!” fhreagair Fearchar ann an guth critheanach: “Bithidh dùil ri fear-feachd, ach cha bhi dùil ri fear lic.” Dhia ’s do [TD 212] Mhoire! ciamar a thàinig iad á beul an t-saighdeir Shasunnaich?” Bha am Freiceadan Dubh a nis fo bhuaireas cho mór ’s gu ’n d’ iarr an Sasunnach air Fearchar dithis a chur leis a chitheadh sabhailte as a’ choille e—thairg dà oganach de Chloinn Chatain fhaicinn sabhailte d’ a champa féin, agus a’ seideadh an fhùdair-chluais bhàrr am musgan, dh’ fhalbh iad leis gus an d’ ràinig iad oir na coille. An am dealachadh riutha, chomhairlich e dhaibh gun a bhi cho dalm, dannara, agus rinn na thubhairt e a leithid de dhrùghadh orra gu ’n deach aca air iompaidh a chur air an reisimeid gu h-iomlan an airm a leigeil sìos, agus iad féin earbsa ris an Fhreasdal agus ris a’ chuirt-fheachd; oir bha iad anns a’ bheachd nach d’ rinn iad nì ceàrr, agus gu ’m faiceadh an luchd-riaghlaidh nach robh e mar fhiachaibh air na Gàidheil an tìr féin fhàgail, oir gu ’m b’ iad sin na cumhantan air an do ghabh iad anns an Fhreiceadan Dubh. Thairg Fearchar Og agus an dithis òganach de Chloinn Chatain iad féin mar urras air son na reisimeid, ach cha do ghabhadh an tairgse. ’N uair a leig iad sìos an airm, chaidh an reisimeid a chuartachadh leis an arm Shasunnach—marc-shluagh is luchd nan gunnachan-móra—agus ghnàthaich iad am Freiceadan Dubh ann an dòigh a bha maslach agus brùideil. Cha robh tuilleadh air ach a’ mhór chuid de ’n reisimeid a mhearsadh gu Kent, agus an cur air bord luingeis a ghiùlain [TD 213] iad gus an Fhlanndrais, agus mu dhà chiad de ’n fheadhainn a b’ àirde an inbh a thaghadh gu bhi air am fògradh ás an dùthaich. Chaidh an dà bhrathair, Somhairle agus Calum Mac-a’-Phearsain, agus Fearchar Og a chur ann an geimhlean, agus am mearsadh gu Lunnainn, far an robh bàs obunn a’ feitheamh orra. Bha e ri fhaicinn gu soilleir anns a’ cheasnachadh a rinneadh air chuid dhiubh aig a’ chùirt an Lunnainn, gu ’n robh na Gàidheil air am mealladh le geallaidhean breugach. “Cha do theich mi idir,” fhreagair fear de chuideachd Caimbeulach na Carraige. “Tha mi tilgeil air ais na h-inisg le tàir is uaill; cha robh e uam ach dol air ais do m’ thìr féin, a chionn an tàmailt a thug na Sasunnaich bhorba do m’ dhùthaich ’s do m’ éideadh. Cha do thagh sinn ceannard, ’s cha do chuir sinn fear sam bith thairis oirnn.” “Cha bhuin mi do chreideamh an t-sagairt, is cha Ghall cuigseach mi,” arsa fear eile—Griogair Grannda á Ràth-mhor-cuis—“ach fìor Ghàidheal, gun fhiamh, gun eagal, ealamh a sheasamh mo Rìgh, ged a dhearbh e dhuinn gur breugaire e! Thuirt sibh gu bheil eagal orm dol do ’n Olaind. Is Gàidheal mi, ’s cha ’n fhaca mi fhathast am fear a chuireadh eagal orm. Dh’ innis na Sasunnaich dhomh gur ann a bha mi ri bhi air mo ghiùlan gu America mar thràill, agus ri dol a dh’ obair leis na daoine-dubha. Cha b’ e sin na cumhnantan air an do ghabh sinn ann an arm an Rìgh. Bha sinn ri [TD 214] bhi ’nar Freiceadain air oir na Galldachd agus ri fineachan-fuadain a chumail á Loch-abar.” “Chuir sinn romhainn,” arsa Fearchar Og, “nach rachadh ar mealladh. Théid sinn am bad nam Frangach, no am bad nan Spàinnteach ann an dùthaich fo ’n ghréin, ma thogras sibh; ach ’s feàrr leinn am bàs fhaotainn na dol mar chrochairean Sasunnach, a dh’ obair leis na daoine-dubha ann an tìr chéin.” “Dé ’n creideamh g’ am buin thu?” dh’ fheòraich ceann-suidhe na Cùirte. “Creideamh m’ athraichean ré mhìle bliadhna mu ’m facas aogasg odhar Sasunnaich air ar taobh-ne de ’n chrìch Albannaich.” “Tha thu ciallachadh gu ’n robh do thighinn beò—” “Mar tha dòchas agam, buidheachas do Dhia ’s do Mhoire! a gheibh mi bàs—a ’m Phàpanach agus a ’m Ghàidheal fiùghanta—gun a bhi strìocadh do neach—’s gun a bhi fo eagal do neach—” “Neach idir, an è tha thu ag ràdh?” “Ach a mhàin Esan a tha ’na shuidhe air deis-làimh ’Athar anns na Neamhan.” ’N uair a labhair Fearchar na briathran so gu stòlda, thug an còrr de na prìosanaich dhiubh am boineidean is chrom iad an cinn le h-ùmhlachd, ni a thug tiomachadh air na breitheamhan, ged nach do shàbhail e na prìosanach. Air an rathad gu Tùr Lunnainn, b’e Fearchar Og a bu mhisneachala de ’n bhuidhinn bhochd a bha [TD 215] an geimhlean; ach ’n uair a thàinig iad an sealladh air na turraidean thréig a chruadal e. Dh’ fhàs e cho bàn ri bréid, oir dh’ aithnich e an caisteal a chunnaic e ’na bhruadar neònach—caisteal le ceithir turraidean—agus dh’éirich suas fa chomhair inntinn gu riochdail na thachair dha anns a’ bhothan-àiridh am Braighe Loch-abar, agus far an cual e guth a’ cur an céill na bha ’n dàn dha! Troimh dhùmhladas mór-shluaigh—sgonna-bhalaich bhreun, druaip a’ bhaile mhóir—chaidh Fearchar agus a chompanaich a mhearsadh a dh’ ionnsaidh Tùr mór Lunnainn. Rinn a’ ghràisg so sgeig air na Gàidheil bhochda, is thug iad tàmailt do shliochd nan sonn d’ am b’ àbhaist, le cas-cheuman aotrom, a bhi saltairt an fhraoich ann an tìr nam beann àrd. Moch air mhaduinn ann am meadhon a’ Mhios Bhuidhe, ’n uair a bha a’ ghrian a’ faoisgneadh ás a mogul ’s a strìth le a gathan òr-bhuidh an ceò dòmhail a sgaoileadh, thòisich sluagh a’ bhaile air brùchdadh a mach a dh’ ionnsaidh Tower Hill, far an robh gnìomh neo-àbhaisteach ri tachairt. Cha robh saighdear an Lunnainn nach robh fo airm, ’s iad ann an òrdugh air an raon aig bun a’ chnuic ris an abrar Tower Hill. Bha móran reisimeidean Albannach is Sasunnach ann; agus buidheann bheag de Ghàidheil air an cuartachadh gu dlùth le saighdearan dearga ’s an claidheamhan rùisgte. B’ e a’ bhuidheann so, mu dhà cheud de ’n Fhreiceadan Dubh, a bha ri bhi air am fògradh [TD 216] do dhùthchaibh céin, ach mu ’n seòladh iad bha aca ri bhi ’n làthair a dh’ fhaicinn triùir de ’n companaich dhìleas a’ dol gu bàs—no air am mort, ’s e bu chòir a ràdh. Dh’ fhosgail geatachan Tùr mór Lunnainn agus chualas na drumachan a’ bualadh “caismeachd, thiamhaidh, thruaigh an éig,” ’s na drumairean a’ coiseachd air thoiseach orra-san nach tilleadh gu bràth gu Loch-abar nan craobh. Bha buidheann de shaighdearan Albannach air an tarruing a suas ’nan dà shreath, aghaidh ri aghaidh—tharruing iad ceum an còmhair an cùil a’ fàgail bealach eadar an dà shreath. Troimh ’n chaol-shràid so ghluais an triùir Ghàidheal—gach fear dhiubh le saighdearan dearga, le ’n claidheamhan ruisgte air thoiseach air is ás a dhéigh; ’s a’ chiste-mhairbh air a giùlan fa chomhair le ceathrar shaighdear. ’N uair a ràinig iad an raon thuirt Fearchar, ’s e sealltainn mu ’n cuairt, “Misneach, fheara, cha ’n ’eil coltas croiche r’ a fhaicinn. Buidheachas do Dhia, cha ’n e bàs coin a gheibh sinn co dhiu!” “Is math sin,” arsa Calum Mac-a’-Phearsain, “oir is prìseala an onair na ’n t-òr.” Chiùinich morbhan an t-sluaigh, mar oiteig ghaoithe a théid troimh dhoire, a’ fàgail sìth is sàmhchair as a déigh; agus an sin bha gach ni cho sàmhach ’s gu ’n cluinneadh tu anail na luch, ’s cha robh ri éisdeachd ach “Caismeachd an Eig.” Chualas an t-òrdugh, “Stad!” agus chaidh na [TD 217] cisteachan-mairbh a leigeil sìos mu dheich-slata-fichead o ’n bhuidhinn a bha ri losgadh air na prìosanaich. Thuirt Somhairle, ’s e cur a làimh air gualainn a bhràthar, a b’ òige na esan, “Cum a suas do mhisneach, a Chaluim; ann an tiota théid so thairis agus bithidh ar n-anma le anam ar sinnsire gaisgeil. Cha chluinnear cumha air ar son an so, is cha togar càrn air ar n-uaigh ann an tìr choimhich.” “A Chaluim, a rùin,” fhreagair Somhairle gu stòlda, ciùin, “is urrainn duinn an dà chuid an cumha agus an càrn a sheachnadh ’n uair a tha sinn cinnteach gu ’n toir ar cairdean a mach tòrachd is diòghaltas air ar son!” “Ma nì iadsan an dleasanas cha bhi ar bàs-ne an diomhain.” Aon uair eile thug iad dhiubh am boineidean, agus thog iad an sùilean ris na neamhan. “Am bheil sibh deas?” ghlaodh an ceannard-feachd. “Deas, ceart,” fhreagair Fearchar: “‘Is i mhoch-éirigh Luain a nì an t-suain Mhàirt.’” ’S e Di-luain a bh’ ann, agus mar so bha an sean-fhacal glé fhreagarach. Glas-neulach, ’s fo chùram, bha iad, ach bha an sùilean dealrach, an ceum flathail, ’s an giùlan uasal, gaisgeil. Bha fhios aca nach robh cron ri chur ás an leth, agus gu ’n deanadh an luchd-dùthcha dioghaltas orrasan a chur gu bàs iad; agus nach d’ rinn iad sin, ’nuair a dh’ éirich na Gàidheil, [TD 218] dà bhliadhna ’na dhéigh so, ’n uair chual iad— “Thàinig mo Rìgh air tìr am Mùideart, Rìgh nan Gàidheal, Teàrlach Stiùbhart.” Air an cumail suas is air an neartachadh le an neo-chiontas féin, le uaill ás na daoine o ’n tàinig iad agus an dùthaich a rinn an àrach, thug iad aon sùil eile air an t-saoghal so, ’s gu ’n iad a’ nochdadh fiamh no eagail. Bhuail uaireadair mór an Tùir an uair—uair am bàis! “So an uair a bha ’n dàn domh,” arsa Fearchar; “tha ’n uair air teachd.” Dh’ fhàg iad beannachd aig a chéile, agus sheas iad gun chriothnachadh fa chomhair nan saighdearan a bha ri losgadh orra, agus fhuair iad bàs gu calma, mar ghaisgich. Ann am paipear-naigheachd ris an abrar St. James’s Chronicle, bha an cunntas a leanas— “Air Di-luain, an dara-là-deug, aig sè uairean ’sa mhaduinn, chaidh trì saighdearan Gàidhealach a chur gu bàs air raon an Tùir a réir binn na Cùirt-fheachd. Bha an còrr de na prìosanaich Ghàidhealach an làthair, agus rinn iad ùrnuigh dhùrachdach leo-san a bha fo bhinn bàis. Ghiùlain an triùir iad féin gu gaisgeil, stolda. Chaidh an cuirp a chur ann an trì cisteachan-mairbh le triùir eile de na prìosanaich—dlùth-chàirdean is luchd-daimh—agus an adhlacadh ann an aon uaigh, teann air an àite anns an deachaidh an cur gu bàs.” [TD 219] Sin agaibh sgeul glan, soilleir air gnìomh nàrach! Dhùisg na thachair air a’ mhaduinn sin, còmhla ris an dòigh nàraich anns an deachaidh am Freiceadan Dubh a mhealladh, amharus nach bu bheag am measg nan reisimeidean Gàidhealach eile; agus bha bhlàth ’sa bhuil so r’ a fhaicinn anns a’ mhorbhanaich a bha gu tric ri chluinntinn ’nam measg; ’s cha robh ni a thug air uiread de na Gàidheil éirigh le Prionnsa Teàrlach ach an t-iarrtas, bàs an triùir Ghàidheal a chaidh a mhort (oir cha robh ainm eile aca air a’ ghnìomh) le Rìgh Deorsa ann an Lunnainn, a dhioladh. “Is fheudar gu ’n robh ni-eigin neo-chumanta ann an giùlan nan daoine mi-fhortanach so,” arsa Stiùbhartach a’ Ghairt—seann saighdear gaisgeil—“chionn bha dealbh an triùir an crochadh ann an seòmar an Tighearna Iain Moradh, a bha an déigh an àm ud ’na Chòirneal air an Fhreiceadan Dubh.” B’ e so an ceud gnìomh iomraideach ann an eachdraidh na Reisimeid so a rinn ainm dhi féin anns gach dùthaich fo ’n ghrein; agus thuit aig an ceann air raon fuilteach Fontenoy an Seanalair Clayton, an Sasunnach a dh’ innis a’ bhreug a mheall am Freiceadan Dubh a Shasunn. [TD 220] II.—SEACHD GILLEAN GLEUSDA. “A CHIONN gu bheil dùil gu ’m bi an reisimeid ri aghaidh an naimhdean am màireach, théid na mnathan agus an àirneis-fheachd a chur gu cùl na reisimeid. A chum so a ghiùlan am mach, chaidh an t-oifigear Caimbeulach Ghlinne-Falach a chur air leth.” B’ e so an t-òrdugh a thàinig a mach an campa an Fhreiceadain Duibh air an ochdamh-là-fichead de ’n Ghiblin, 1745, mu ’n tug Diùc Chumberland ionnsaidh air na Frangaich air beulaibh Fontenoy. B’ i chuideachd againne a bha ri bhi am broilleach na còmhraige, agus ghluais sinn gu frith-bhaile d’am b’ ainm Veson; aig a’ cheart àm chaidh Caimbeulach Ghlinne-Falach leis na mnathan is leis an àirneis-fheachd gu àite ris an abrar Maulpré. B’ i sin an imrich bhrònach, na mnathan ’s a’ chlann a’ gul ’s a’ caoineadh an àm dealachadh ris an reisimeid. Mu ’n àm so chaidh mise a chur as an reisimeid ris an abrar an t-sè-air-fhichead (26th, or Angus’s Foot) gu iar-chomannda ghabhail anns an Fhreiceadan Dubh. Rinn mi suas riu dlùth air an t-seana bhaile ris an abrar Liege, agus feumaidh mi aideacheadh gu ’n do mheas mi “Gillean an Fheilidh” duaichnidh agus car borb, oir bu Ghall mi, agus cha robh mi idir eòlach air dòighean nan Gàidheal no air an deise fhuasgailte, an dà-rireadh bha e air a theagasg dhomh o m’ òige gu ’n robh [TD 221] na Gàidheil ’nan daoine borba, neo-cheannsgalach. Ach thuig mi an ùine ghoirid gur ann a bha iad uasal, ceanalta, grinn; oir bha anns a’ chuideachd agamsa mic nan uaislean Gàidhealach, a bha deas, dìreach ’nam pearsa, uasal ’nan giùlan, agus gaisgeil ’nan dòigh. Bha agam ’nam chuideachd seachd gillean gleusda ás an aon teaghlach—clann a’ Cheannaird Mhic Gilleathain á teaghlach Dhubhaird. Cha robh anns an reisimeid gu léir seachdnar eile a sheasadh ri gualainn nan gillean gasda á Dubhard, a ghabh anns an Fhreiceadan Dubh an latha a chaidh an reisimeid a thogail aig Abar-pheallaidh, agus a bha am broilleach gach cath a bh’ aig an reisimeid o ’n àm sin. Air an fheasgar so shuidh mi fhéin agus Caimbeulach Fhuinn-an-aba làmh ri Ceannard na buidhne, sean Mhac Gilleathain á teaghlach Dhubhaird, agus teann air bha a sheachd mic ’nan sìneadh air an fheur ghorm—gach fear dhiubh na bu treise coltas na bhràthair, is iad uile deas, dìreach, àrd, agus cho cruadalach ’s gu ’n seasadh iad fuachd is acras na ’m b’ fheudar e. Bha iad uile an làn uidheam, le— “Boineid is it’ agus breacan an fhéilidh.” Bha iad a’ giùlan claidheamh is sgiath, cho math ri cuinnsear is sgian-dubh, agus, air m’ fhacal, bu dàn an ionnsaidh do fhichead dol an còmhail an t-seachdnar so na ’n eireadh colg orra. Bha sean Mhac Gilleathain ’na dhuine pearsanta [TD 222] foinidh, deas, àrd, le feusaig fhada liath a sìos air uchd. ’N uair a shuidh mi fhéin agus Caimbeulach Fhuinn-an-aba aig an teine, thog Mac Gilleathain a bhoineid, a’ cur fàilte oirnn. Bha a shùil biorach dubh, agus a ghuth duineil, mar thigeadh do neach a chleachd a bhi air ceann feachd. Teann air bha a chomh-dhalta, Raonull Og, a bha ’na dhuine ’s ’na dhithis anns an reisimeid, ’s bha a’ bhlàth sin air aogasg, oir fhuair e spuaic le tuath-chogaidh a dh’ fhàg lag ’na bhathais anns am fallaicheadh tu bonn crùin. “Fàilte, a dhaoin’ uaisle,” arsa Mac Gilleathain, “ceud mìle fàilte oirbh, is e ar beatha gu cuid de ar tràth-feasgair—collag shùghar. Le ’r cead, ’s e mo mhac Dùghall a so, a fhuair mult a’ dol air seachran is thug e dhachaidh e seach a leigeil a dholaidh, agus so searrag fhìona a fhuair Alasdair a so air choingheall fada o h-aon de nàistinn na dùthcha. Is iad an cóignear eile a tha ’nan sìneadh an so mo mhic cuideachd: Donnachadh, Deòrsa, Fionnladh Bàn, Fearchar Gorm, agus Aonghus Dubh. Tha iad uile am Feachd an Rìgh, agus sùil aca ris an latha anns am bi iad ’nan cinn-fheachd anns an Fhreiceadan Dubh, mar tha an athair. ’Illean, faicibh nach bi dìth air ur companaich.” Dh’ éirich na gillean, ’s air m’ fhacal, cha robh am fear a bu lugha dhiubh fo shè troighean, agus ghearr iad dhuinn collag eireachdail o ’n mhult a bha ròstadh air na h-éibhleagan dearg. Chuir iad mu’n cuairt an t-searrag aig Alasdair, a’ toirt srùbaig [TD 223] mu seach aisde. Bha Raonull Og a’ cumail connaidh air an teine, agus shuidh sinn aige, a’ seinn òran, ’s ag innseadh sgeulachdan gus an robh e teann air a’ mhaduinn. ’S e an t-Earrach a bh’ ann, agus bha an oidhche da-rìreadh bòidheach. Bha an campa ri fhaicinn cho soilleir ’s ged a b’ e meadhon-latha a bhiodh ann:— “Bha suaimhneas anns gach luibh fo bhlàth, Bàigh air gach creig is cluain.” Cha robh ri éisdeachd ach torman an uillt a bha ruith ri ’r taobh—a bhruachan air an còmhdach le lus-nam-ban-sìth is preas nan smeur. Thaitinn an seann laoch agus a mhic rium gu h-eireachdail, bha iad cho aotrom uasal ’nan dòigh, is cho gaisgeil ’nan giulan. Bha e cho seann-aimsireil coltas a bhi faicinn an t-seann laoich so agus a sheachdnar mhac aig ceann buidhne anns an robh na Leathanaich air thùs ’s air thoiseach, oir bu Leathanach gach darna duine anns a’ bhuidhinn. Bha Raonull Og a’ cumail connaidh air an teine, ’s bha an t-searrag a’ cumail a cuairt gus nach robh innte a nis ach falach a màis, ’nuair a dh’ éirich Raonull Og, agus a’ cur a làimh gu modhail air gualainn a’ chomh-dhalta Mac Gilleath- ain, thuirt e gu dùrachdach stòlda— “Air ghaol Dia, faicibh nach téid sibh am bad ar naimhdean is sibh a’ trasgadh.” Dh’fhàs aodann an t-seann laoich cho bàn ri bréid. “Cha téid, a Raonuill,” ars esan; “chrean ar [TD 224] cinneadh gu leòir cheana le dearmad a dheanamh air an rabhadh neònach so.” “Nar leigeadh Dia is Moire!” arsa dithis de na gillean, is iad ’g an seunadh féin gu cràbhaidh. “Cuir greim ann ad mhàileid air mo shon-sa, a Raonuill,” ars an seann duine, “agus gairm mi an deagh àm ’sa mhaduinn; cum greim do na giullain cuideachd, oir nar leigeadh Dia gu ’n tarruingeadh mac dhòmh-sa claidheamh ’s gun bhiadh fo a chrios.” “Is glic a’ chomhairle sin,” arsa Caimbeulach Fhuinn-an-aba, “ach aig Dia tha fios gur tric a ghluais sinn air a’ bhliadhna so fhéin mu ’n do bhlais an t-eun an t-uisge, ’s mu ’n do bhlais sinn ni air an deargadh fiacaill.” “’S ann agaibh tha smior na fìrinn, ach ’s ann leis an ni so a dhearmad a chaill m’ fhear-cinnidh, Lachunn Mór Dhubhaird, a bheatha, agus ’s e so a thug air Raonull Og an rabhadh a chur a ’m chuimhne. * “Ciamar a thachair a’ chùis?” arsa mise, le ioghnadh, oir bha stòldachd nan Gàidheal ùr agus annasach dhomh. * A réir beul-aithris na dùthcha is e Eóghan a’ chinn bhig, á teaghlach Locha-buidhe, a chrean air dol an aghaidh a nàmhaid ’s e trasgadh. Tha cuid ag ràdh gu ’n d’ fhuair Lachunn Mór Dhubhaird a’ cheart rabhadh, ach gu ’n do rinn e dimeas air, cho math ’s a rinn e air na rabhaidhean eile a fhuair e—b’ iad sin, gun dol air tìr an Ile air Dior-daoin, ’s gun deoch òl á Tobar Nèill Neònaich. [TD 225] “Is naigheachd sin,” arsa Mac Gilleathain, “is tha mi coma ged a ni mi a h-aithris. A Dhonnachaidh, tilg bioran no dhà air an teine. Aonghais, feuch a bheil deur idir anns an t-searraig sin, oir b’ fheàirrd mi làn beòil mu ’n innis mi sgeul brònach Blàr Tràigh Ghruinneart. Dia leinn is againn! b’ e sin an latha dubh dòlasach do theaghlach Dhubhaird is do Chlann Ghilleathain gu h-iomlan!” LACHUNN MÓR DHUBHAIRD. * “Cha robh duine air Gàidhealtachd Albann a b’ ainmeala ’na linn na Lachunn Mór, Triath Dhubhaird. “Cha robh Lachunn ach òg ’n uair a chaochail ’athair Eachunn Og, mac Eachuinn Mhóir. Bha bàigh chairdeil aig an Teaghlach Rìoghail do Chloinn Ghilleathain agus gu sònraichte do theaghlach Dhubhaird. Agus da-rìreadh cha b’iongantach sin; cha robh ann an Albainn uile fine a dh’ fhuiling uiread ás an leth. ’Nuair a mharbhadh Rìgh Seumas a ceithir aig blàr Flodden anns a’ bhliadhna 1513, bha callaid de chuirp Chloinn Ghilleathain mu thimchioll an àite ’san do thuit e, a chaidh am mach le Eachunn Odhar, Triath Dhubhaird, a thuit ’sa bhlàr iomraideach sin, a bha cho sgriosail * An àite eachdraidh Lachuinn Mhóir eadar-theangachadh ás an leabhar ás a bheil an còrr de ’n sgeul so air eadar-theangachadh, tha mi steidheachadh eachdraidh an laoich air na sgriobh “Caraid nan Gàidheal,” a chionn gu bheil an eachdraidh sin ni ’s coimhlionta anns gach dòigh. [TD 226] air maithibh agus air uaislean na h-Alba. Cha do dhi-chuimhnich an Teaghlach Rìoghail so; agus uime sin, ’n uair a chaochail Eachunn Og, thug iad an t-oighre leò do Dhùn-Eideann, far an d’ àraich iad e mar mhac rìgh, agus far an d’ fhuair e an t-ionnsuchadh ’s am fòghlum a b’ àirde bha r’ a fhaotainn ’san àm sin ’san rìoghachd. B’ e ’n cileadair a bha air an àm thairis air oighreachd Dhubhaird, Eachunn, mac Ailein-nan-Sop, mac brathair-seanar Lachuinn Oig. Bha móran de chuilbheartan an athar ann an Eachunn; agus dh’ fheuch e an cinneadh a dhùsgadh gu Lachunn Og a chur gu taobh, agus e féin a thogail gu uachdaranachd an teaghlaich mar cheann-feadhna ’s mar thighearna Dhubhaird. Ach cho luath ’s a phill Lachunn Og, agus a chunnacas e aig caisteil a shinnsir—flath cho eireachdail, dhreachmhor ’s a sheas air bonn bròige—ghabh daoine ris; chruinnich iad mu ’n cuairt da; dh’ fhàiltich iad le furan mór e; bhòidich iad a bhi dìleas da. Ghlacadh Eachunn, mac Ailein-nan-Sop; chuireadh birlinn agus sgioba leis do Eilean Cholla, far an do chuireadh gu bàs e. “Bha nis ceann-cinnidh aig Clann Ghilleathain nach robh a choimeas air son neart agus misnich, fòghlum agus eireachdais, is dòcha, ann an Albainn uile; agus cha b’ fhada gus an do choisinn e dha fhein an t-ainm air a bheil e air a ghairm ann an eachdraidh na h-Alba—‘Lachunn Mòr nan iomadh buaidh.’ [TD 227] “B’ e Iarl’ Earra-ghaidheal, Mac Cailein Mór, bràthair-a-mhàthar; ach ged a b’ e, agus ged a b’ e an duine bu chumhachdaiche aig an àm sin ’san dùthaich, gidheadh thug Lachunn Mór gu cunntas e air son na dòigh anns an do chreach e féin agus na Caimbeulaich cuid de fhearann Chloinn Ghilleathain, gu h-àiridh Eilean Luinge, far an do loisg iad gach tigh, agus an do spùinn ’s an do mhill iad gach duine ’s gach teaghlach; agus mór agus cumhachdach mar a bha Mac Cailein, b’ éigin da maitheanas iarraidh air Lachunn Og, mac-a-pheathar, agus làn dìol a phàigheadh air son gach millidh agus sgrios a rinn e. “Anns a’ bhliadhna 1577, chaidh Lachunn Mór a mach do Dhùn-Eideann a choimhead an Rìgh. Bha ’chùirt an sin cruinn, agus flaithean, uaislean, agus morairean na dùthcha, uile ’san làthair. Chuireadh urram anabarrach air Lachunn Mór. Cha robh ’sa chùirt uile a choimeas. Thachair do dh’ Iarl’ Athull a bhi ’sa chùirt, e fhéin agus a theaghlach. Bha naimhdeas coimheach eadar an teaghlach so agus teaghlach Mhic Cailein Mhóir. ’S an àm sin bha spéis àrd aig Iarl’ Athull do Lachunn Dhubhaird, air son an tillidh a thug e á Mac Cailein, agus mar a smachdaich se e. Chuir an Rìgh roimhe na’m b’ urrainn da, pòsadh a dheanamh suas eadar Lachunn Mór agus nighean Iarl’ Athull. Cha robh so doirbh r’ a dheanamh. Bha a’ chàraid òg toileach; bha ’n sean Iarla anabarrach toileach, agus gheall e tochar mór. Thàinig oidhche [TD 228] a’ chòrdaidh ’s bha gach nì air a shocrachadh. B’ éigin do Lachunn dol dhachaidh mu ’m pòsadh e, agus dh’ fhàg e ’chùirt, a’ gealltainn gu ’m biodh e air ais á Muile cho luath ’s a b’ urrainn da. Ach thachair dha gabhail rathad caisteil Iarla Ghlinne-Càrn, far an do chuir e seachad latha no dhà. Bha nighean aig an Iarla so thug bàrr air baintighearnan na rìoghachd ann an àilleachd. Ghrad dhi-chuimhnich Lachunn Mór nighean Iarl’ Athull, ris an robh e fo ghealladh pòsaidh. Ceart shuarach mu gach gealladh, thairg e a làmh do ’n àilleagan chiatach so, agus bha iad air am pòsadh! Chuir so corruich mhór air an Rìgh agus air Iarl’ Athull; agus cha b’ iongantach e. Chaill Lachunn càirdeas an Rìgh, agus bha Iarl’ Athull ’na nàmhaid cho fhad ’s bu bheò e. “Bha Aonghas Ileach (’s e sin, Dòmhnullach Mór nan Eilean), Mac Dhòmhnuill, pòsda ri piuthair Lachuinn. Bhuineadh Ile agus Cinntìre, agus móran do dh’fhearann eile, do ’n duine chumhachdach so. Bha an dithis dhaoine so, Aonghas Ileach agus Lachunn Mór Dhubhaird air iomadh dòigh cosmhuil r’ a chéile—dàna, misneachail, uaibhreach, àrdanach; agus is daor a dhìol an cinneadh air a shon so. Cha robh ach fuil agus losgadh, fòirneart is creach fhad ’s a bha iad beò; agus chaill iad le ’n caisteil, a’ chuid bu mhò de ’n oighreachd mhóir a thàinig a nuas d’ an ionnsaidh o’n sinnsear. Lìonadh e leabhar, ’s cha bu leabhar beag, mion-chunntas a thoirt air gach comhstrì bha [TD 229] eadar Cloinn Dòmhnuill Ile agus teaghlach Dhubhaird ri linn Lachuinn Mhóir. “Anns a’ bhliadhna 1585, bha Dòmhnull Gorm Shléibhte, le móran de Chloinn Dòmhnuill, a’ dol a dh’ Ile ás an Eilean Sgitheanach a dh’ amharc a charaid Aonghas Dòmhnullach, tighearn Ile, ’bha chòmhnuidh ’na chaisteal ann an Dùn-Naomhaig. Thàinig sìd choimheach a thug air Dòmhnull Gorm is na bha maille ris fasgath a ghabhail air ceann-mu-thuath Eilein Dhiùra, a bhuineadh do Mhac Gilleathain Dhubhaird. Air a’ cheart là sin, bha dithis uaislean de Chloinn Ghilleathain, a chaidh a stigh do chala eile an Diùra, dlùth do ’n àite an robh Dòmhnull Gorm agus a luingeas—dithis dhaoine ’chuir am mach air an ceann-cinnidh, agus aig nach robh a’ chridh’ tighinn ’na làthair. ’S e b’ ainm do ’n dithis dhaoine so, Uisdean Mac Ghilleasbuig Chléirich, agus Mac Dhòmhnull Theirich. Chuir iad so rompa anabarr comhstrì a thogail eadar Dòmhnull Gorm agus Lachunn Mór. Air feadh na h-oidhche, dh’ éirich an dithis dhaoine so, agus chreach agus thug iad leò spreidh Chloinn Ghilleathain a bha air feurach dlùth do ’n àite ’s an robh Dòmhnull Gorm agus a dhaoine. Thug iad leò iad, thog iad an siùil, agus dh’ fhàg iad Diùra. “Thachair direach mar a shaoil an dithis dhroch dhaoine so. Cha luaithe dh’ ionndrainn Clann Ghilleathain an cuid spréidh, na thug iad Dubhard orra, a dheanamh an gearain ri Lachunn Mór. Chruinnich esan a chuid dhaoine; bha gach birlinn [TD 230] fo uidheam; agus ràinig e Diùra, far an robh fhathast Dòmhnull Gorm agus a chàirdean. Gun fhacal a labhairt, no aobhar air bith a thoirt seachad, ghrad bhuail Lachunn Mór agus a cheatharnaich air Clann Dòmhnuill, aig àite ris an abrar an Cnoc-Breac, far an do chuireadh an ruaig orra, le mór àr. Mharbhadh trì-fichead de Chloinn Dòmhnuill, agus bha Dòmhnull Gorm féin, gun teagamh air bith, ’san àireamh so, mur bhi gu ’n do thachair dha bhi ’na chadal ’na bhirlinn, agus gun fhios aige ciod a bha dol air aghart. Phill e do Shléibhte, a’ bòideachadh dioghaltas a bhi aige air Lachunn Mór, a thàinig air mar so agus gun fhios c’ arson. Chuir e fios do gach teaghlach de Chloinn Dòmhnuill air feadh Gàidhealtachd Albann iad a bhi deas gu seasamh leis, agus aicheamhail a thoirt a mach air son na fala a dhòirteadh air Innis a’ Chnuic-Bhric. Chruinnicheadh sluagh Ile, Chinn-tìre, Shléibhte, Ard-na-murchan, Shuaineirt, Mhùideirt, agus Uibhist a chinne deas is tuath; agus do réir coslais, bha Lachunn Mór an impis a bhi air a sgrios. Ach sgriobh an Rìgh litir a dh’ ionnsaidh Mhic Leòid Dhùn-bheagain is Mhic Leòid na h-Earradh, iad a sheasamh le Lachunn Mór; agus chuir e teachdaireachd a dh’ ionnsaidh Chloinn Dòmhnuill gu ’n seasadh e Clann Ghilleathain, a dheòin no dh’ aindeòin, an aghaidh gach feachd a b’ urrainn doibh a thoirt ’nan aghaidh. “Chaidh Aonghas Dhùn-Naomhaig le litir an [TD 231] Rìgh do Dhubhaird, a dh’ fheuchainn am b’ urrainn da a’chùis a shocrachadh le ’bhrathair-céile, Lachunn Mór. Dh’ fhailtich Lachunn Mór e gu cridheil, agus rinn e cuirm mhór air a shon; ach ’n uair a thàinig iad gu gach cùis a shocrachadh, thuirt Lachunn Mór nach riaraicheadh ni bu lugha e ’na dara-leth Eilein Ile fhaotainn mar oighreachd dha féin agus d’ a shliochd gu bràth. Cha robh math do dh’ Aonghas Dhùn-Naomhaig facal a ràdh. Sparradh e féin agus a dhà mhac a bha maille ris anns an Toll-dhubh, prìosan dorcha, ìosal, ann an Caisteal Dubhaird, agus na h-uile h-aon de na daoine bha maille ris! “Cha robh comas air; thug Aonghas dha na dh’ iarr e—cha robh math a dhiùltadh. Chuir e a làmh ris na còraichean; agus fhuair e mach as a’ phrìosan air chumhnanta gu ’m fàgadh e a dhithis mhac agus cuid a dh’ uaislean eile de Chloinn Dòmhnuill, a bha maille ris ann an Dubhard, mar urrasan gu ’m biodh an réite a’ seasamh, agus gu ’n tugadh Aonghas do Lachunn Mór seilbh air dara-leth Ile mar a gheall e. “Chaidh Lachunn Mór ’na dhéigh so a ghabhail seilbh anns an oighreachd an Ile, a réir a chòrdaidh a rinneadh. Cha tug e leis armailt air bith, ach buidheann thaghta de ghaisgich chàirdeil d’ a chinneadh fhéin. Thug e leis Seumas Og, mac Aonghais, oighre ile, a dh’ fhàgadh ann an Dubhard le ’athair, mar bharantas air son coimhlionadh na réite a rinn iad. [TD 232] “Ràinig Lachunn Mór caisteal a bhuineadh dha ann an Eilean Loch Guirm, anns na Roinn Ileach, agus an so dh’ fhuirich e fad latha no dhà. Thàinig litir air muin litir d’ a ionnsaidh o ’bhrathair-céile, a’ toirt cuireadh dha tighinn do Chaisteal Mhaol-na-tràigh g’ a choimhead, agus Seumas Og a thoirt leis, a chionn gu ’n robh fadal mór air a mhathair fhaicinn. Chaidh Mac Gilleathain, le ceithir-fichead is sè pearsa còmhla ris, do Mhaol-na-tràigh a choimhead Aonghais Ilich. Thachair so mu mheadhon an t-samhraidh anns a’ bhliadhna 1586. Rinn Mac Dhòmhnuill cuirm mhór, agus thaisbein e gach càirdeas do Mhac Gilleathain, ach mhothaich baintighearna Aonghais, piuthar Lachuinn Mhóir, gu’n robh nithean ’dol air aghaidh nach robh a’ còrdadh rithe, agus dhùisg amharus ’na h-inntinn gu ’n robh foill ri dheanamh air a bràthair. Thug i sanas da. ‘Tha ’n oidhche stoirmeil,’ ars ise, ‘bu chòir do gach buachaille sùil a bhi aige air a threud.’ Thuig Lachunn Mór mar a bha ’chùis. Cha chaidileadh e ’sa chaisteal, mar bu mhiann le Aonghas; ach thug e sabhal feòir air far an robh a chàirdean agus a ghillean, agus thug e ’n aire gu ’n robh Seumas Og, an t-oighre, leis. Air a’ mheadhon-oidhche chuartaich Clann Dòmhnuill, agus Aonghas Ileach air an ceann, an sabhal anns an robh Lachunn Mór agus a chàirdean ’nan cadal. ‘Leig a stigh mi,’ ars Aonghas. ‘Dh’ fhàg thu mi gun deoch-an-doruis a ghabhail leam; agus imiridh tu òl orm a rithis mu ’n caidil thu.’ Cha ’n [TD 233] òl,’ arsa Lachunn Mór. ‘Bha ar sàth dibhe againn le chéile. Ach ma tha tart ort air déigh fuil Chloinn Ghilleathain cha ’n ann gun strìth, ’s gun fhios c’ arson a thaomas tu aon dileag dhi an nochd—’s éiginn gu ’n coisinn thu gu daor i.’ Ghrad dh’éirich Clann Ghilleathain—tharruing iad an claidhmhnean sgaiteach. Thog Lachunn Mór Seumas Og air a ghualainn chlì, dh’ fhòsgail e ’n dorus, agus le ’chlaidheamh buadhmhor, bha e ann am prìoba nan sùl an sàs an Clann Dòmhnuill. Ghlaodh an leanabh gu h-eagalach, aon uair ag aslachadh air bràthair-a-mhàthar, agus a rithis air athair a theasraiginn. Chunnaic Aonghas Ileach mur cuireadh e stad air an iorghuill, gu ’n cailleadh e a mhac. Mu dheireadh dh’ iarr e maitheanas air Lachunn Mór. Gheall e air ’fhacal ’s air ’onoir nach deanadh e tuille foille no lochd air, ach e a strìocadh. Cha robh comas air; mhothaich Lachunn Mór gu ’n robh fichead ’na aghaidh air son a h-aon a bha air a thaobh, agus strìoc e. Cheangail Clann Dòmhnuill na Leathanaich fear ri fear, agus chuir iad am prìosan iad! Bha dithis ann nach strìocadh—Leathanach a mhuinntir na Morairne, agus Mac Dhòmhnuill Theirich, a b’ aobhar do ’n bhlàr a chuireadh ann an Innis a’ Chnuic-Bhric ann an Diùra. Chaidh iadsan a stigh do thigh a bha dlùth, agus chuir iad Clann Dòmhnuill gu dùlan! An déigh iomadh oidheirp air an glacadh, chuireadh an tigh ri theine, agus loisgeadh an dà churaidh so. [TD 234] “Air an là-màireach, thugadh a mach na prìosanaich air an ceangal gu cruaidh fear ri fear, agus chrochadh dithis dhiubh an làthair Lachuinn Mhóir. ‘An ann mar so?’ arsa Lachunn; ‘a tha thu dol a chumail t’ fhacail? ‘Facal ann no as,’ ars esan, ‘tha thu nis a ’m eisimeil; agus cha dealaich mi riut gus am bi mo làn aicheamhail agam.’ Mar so, chrochadh dithis agus dithis na h-uile latha, gus nach robh air an tearnadh de cheithir-fichead agus sè ach Lachunn Mór agus bràthair-’àthar, Iain Dubh na Morairne, duine cho treun fhoghainteach ’s a bha d’ a chinneadh. “Air an latha anns an robh Lachunn Mór agus Iain Dubh na Morairne r’ an crochadh, direach mar a bha Aonghas Ileach a’ dol air muin eich gu sealladh a bhi aige air a’ chùis, ruith an t-each air falbh leis. Fhuair e droch leagadh, agus bhris e a chas. Thèarainn so air an àm beatha Lachuinn agus Iain Duibh na Morairne. Chuireadh air an ais do ’n phrìosan iad. Chuala an Rìgh mar thachair. Chuir e teachdaire do dh’ Ile—chaidh Mac Cailein Mór, ann an ainm an Rìgh, a dh’fhaotainn saorsa do Lachunn Mor, mac a pheathar. Dh’aontaich Aonghas a’ chead a thoirt do Lachunn Mór, air chùmhnanta nach iarradh e gu bràth earrann air bith do dh’ Ile tuilleadh—nach tigeadh e féin no a dhaoine tuilleadh a chur dragh air Cloinn Dòmhnuill; agus mar bharrantas gu ’n robh an cùmhnant so daingeann, bha an Rìgh agus Mac Cailein Mór ri ochdnar òganach urramaichte ’chur [TD 235] ’na chomas, mar urrais gu ’n robh an réite seasmhach. Chòrdadh uime so, agus b’ iad na h-urrais a thug iad dha—Eachunn, mac Lachuinn Mhóir; Alasdair, bràthair Mhic Leòid an Dùin; dà mhac do Mhac Fhionghain an t-Sratha; dithis mhac do Mhac Neill, Bharra; Ailean, mac do Mhac-’ic-Eoghain Airde-gaibhre; agus Domhnull mac Mhic Ghilleathain, Charn-bruth. ’N uair a ràinig iad so Dùn-Naomhaig fhuair Lachunn Mór comas a chas, ach chuireadh Iain Dubh na Morairne gu bàs! “Bha mac aig Iain Dubh ’na chaisteal ann an Ard-toirinnis ’s a’ Mhorairne, Ailean Og, sè-bliadhna-deug a dh’ aois; agus ’n uair a chual e gu ’n do chuir Clann Dòmhnuill ’àthair gu bàs, chruinnich e buidheann de Chloinn Ghilleathain, agus thug e Ard-na-murchan air, gu aicheamhail a ghabhail air Cloinn Dòmhnuill. Mhort, agus loisg, agus chreach e Ard-na-murchan, gus an robh Mac Iain làn-thoileach réite a dheanamh—stròic mhór de ’n dùthaich a thoirt da mar oighreachd, agus a nighean. Una, thoirt dha ann am pòsadh. “’San àm cheudna, chruinnich Lachunn Mór a dhaoine. Thàinig Mac Leòid Dhùn-bheagain agus Mac Dhòmhnuill Duibh g’ a chuideachadh le ’n cuid armailt—na ceudan birlinn làn dhaoine—agus ruigear Eilean Ile; agus ma ruig, b’ e sin ruigheachd na dunach do ’n eilean thruagh! Chuir iad an ruaig air Aonghas Ileach ’s a dhaoine. O dheas gu tuath, mhill iad an t-eilean àillidh. Chuir iad [TD 236] sè ceud pearsa gu bàs—seadh, a h-uile duine comasach air airm a ghiùlan. B’ e sin bliadhna na bas-bhualaidh agus a’ bhròin do mhnathan Ile! Theich Aonghas do Chaisteal Dhùn-Naomhaig. Chuairtich Clann Ghilleathain, Clann Leòid, agus na Camronaich an t-àite; ach thàinig a’ bhaintighearn am mach, agus rinneadh còrdadh ùr. Fhuair Lachunn Mór còir air dara-leth Ile. Rinneadh réite, agus phill Lachunn Mór air ais do Mhuile. “Chuir giùlan borb Lachuinn Mhóir agus mort nan Ileach corruich air Cloinn Dòmhnuill uile, agus bhòidich is mhionnaich gach teaghlach de ’n chinneadh threun sin gu ’n deanadh iad làn aicheamhail a ghabhail air Cloinn Ghilleathain—nach cuireadh iad dhiubh an cuid airm gu bràth gus an deanadh iad dioghaltas comharraichte air a’ chinneadh sin a thug sgrios cho lom air Ile. Chuir Clann Dòmhnull Chinntìre, an Eilein Sgitheanaich, Ard-na-murchan, Mhùideirt, Arasaig, agus mar an ceudna Clann Nèill Ghiogha, Mac-’ic-Alasdair na Luibe, Clann-a’-Phì, Cholosa, agus iomadh teaghlach cumhachdach eile, an ainm ris a’ bhoinn so, gu ’n seasadh iad a chéile an aghaidh Triath Dhubhairt; agus ’nam measg so bha Mac Gilleathain Bhororaidh, a b’ éiginn éirigh le ’chuid dhaoine air taobh nan Dòmhnullach, air dha ’fhearann a bhi aige bho Mhac Dhòmhnuill Shléibhte, agus uime sin nach b’ urrainn da a dhiùltadh. Thug Fear Bhororaidh leis am mach á Uibhist agus na h-eileanan eile buidheann làidir de cheatharnaich [TD 237] threuna, chruadalach. Thàinig Clann Dòmhnuill, le feachd lionmhor agus cumhachdach, air tìr ann am Muile, mu ’n gann a bha fios aig Lachunn Mór gu ’n robh iad a’ smuainteachadh air a leithid, agus ’n uair nach robh e idir deas air an son. Chuir e fios air feadh na dùthcha, gach aon de ’n chinneadh a dh’ fhàgail an Leithir, agus na beanntan a thoirt orra, le ’n cuid spréidhe, agus an sin chuir se e-féin air an ceann. “’S ann a stigh do Loch nan Gall a thàinig Clann Dòmhnuill; agus chaidh iad air tìr air Doire-ghuaig, dlùth do ’n Chnoc Mhuileach, aig bun na Beinne Móire. Chaidh iad air an aghaidh gu Sròn-na-Crannalaich, mar thrì mìle do ’n Lic-lìghe, far an robh Clann Ghilleathain cruinn. Thug Lachunn Mór òrdugh seachad nach rachadh a h-aon d’ a dhaoine seachad air bealach cumhann cas, far an do chuir e roimhe Clann Dòmhnuill a chasg na ’m feuchadh iad dìreadh; ach bha curaidh dàna, misneachail ’nam measg, Iain Og Ionbhar-sgathadail, d’ an tug Lachunn Mór uachdranachd na feadhnach, a chuir e ’dhion a’ bhealaich air an robh dùil aige an tugadh Clann Dòmhnuill a’ cheud oidheirp. Ach ged a dh’ iarradh air a’ ghaisgeach òg so gun cheum a ghluasad gus an tigeadh a nàmhaid air, cha b’ urrainn da fuireach air ais, no a’ bhuidheann a bha ’n earbsa ris a chumail fo smachd. Ghrad leum e féin ’s na bha maille ris a sìos gu Sròn-na-Crannalaich, far an robh Clann Dòmhnuill, agus dh’ éirich e orra; ach b’ ann dà- [TD 238] san, agus dhoibh-san a bha maille ris, bu mhiosa. Cha mhor gu ’n do phill a h-aon diubh air an ais a dh’ innseadh mar thachair. “Air an là-màireach chruinnich Clann Dòmhnuill comhairle mhor de na daoine bu mheasala, bu ghlice, ’s a b’ ainmeala ’s an fheachd air fad chum a shocrachadh ’nam measg féin, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. ’N am measg so bha Fear Bhororaidh—duine anabarrach tuigseach, ciallach, agus misneachail leis a sin uile. Is furasda smuainteachadh nach robh esan fìor thogarrach ’s a’ chogadh so, an aghaidh a chinnidh féin. ’N uair thàinig e stigh do ’n chomhairle, thug iad fainear gu ’n robh e trom, stòlda, muladach—nach robh facal a’ tighinn ás a bheul, ach e sior amharc air an làr le aghaidh chianail. ‘Cha ’n urrainn an strìth so bhi taitneach leatsa, Fhir Bhororaidh,’ arsa Mac Dhòmhnuill. ‘Cha ’n fhaod e bhi ’na chuis thaitnich leatsa dol a mhort ’s a mharbhadh do chinnidh féin. Uime sin, cha ’n iarr mi ort a bhi ’m broilleach na cuideachd an diugh. Fuirich thusa air deireadh, anns a’ chùl-choimhead.’ ‘Tha mi,’ arsa Fear Bhororaidh, ‘fad’ a’d chomain, a Mhic Dhòmhnuill, ach sin nì nach urrainn dòmhsa ’dheanamh. Cha ’n e ann-togradh fuil Chloinn Ghilleathain a dhòrtadh tha ’dùsgadh mo thromad-inntinn air an àm, no idir sgàth dol ’san iorghuill; ach ni-eiginn eile tha ’na bhuaireas air m’ anam, agus ’g am lionadh le cùram.’ ‘Innis dhomh ciod e,’ arsa Mac Dhòmhnuill; ‘guidheam ort na ceil e.’ [TD 239] Dhiùlt Fear Bhororaidh so a dheanamh car tamuill; ach mu dheireadh dh’ innis e do Mac Dhòmhnuill gu ’n do bhruadair e aisling an oidhche ’n raoir, a bha cur smuairein agus cùraim air. ‘Och! an aisling eagalach! tha an sealladh a chunnaic mi mu choinneamh mo shùl, agus na briathran a labhradh rium a’m chluasaibh air an àm, mar gu ’m b’ ann air a’ cheart àm a thachair e; ach b’ fheàrr leam gun ìnnseadh.’ ‘Na diùlt mi,’ arsa Mac Dhòmhnuill. ‘Eisd, mata,’ arsa Fear Bhororaidh. ‘An déigh dhomh tuiteam ann an seòrsa de chlo-shuain mu mheadhon oidhche, chuala mi na briathran so gu pongail, mar o neach a bha ’na shìneadh ri m’ thaobh:— “A Lic-lì’ sin, a ‘Lic-lì’! ’S ann ort-sa bheirear nis an dìth; ’S iad Clann Ghilleathain a bheir buaidh Air an t-sluagh a thig air tìr. “A Ghearna dhubh, ’s i Ghearna dhubh; ’S ann innte dhoirtear pailt an fhuil! Marbhar an Ridire Ruadh Mu ’n till claidheamh do thruaill duibh.” “Chuir aisling Fir Bhororaidh uamhas air Cloinn Dòmhnuill! Theich iad. Thug iad an cladach orra. Mhothaich Clann Ghilleathain iad. Thàinig iadsan a nuas o ’n bheinn mar eas o sgàrnaich. Bhuail iad Cloinn Dòmhnuill. Mharbhadh moran de na Dòmhnullaich mu ’n d’ fhuair iad am mach gu fairge. Cha ’n ’eil e ro chinnteach co dhiùbh [TD 240] mharbhadh no nach do mharbhadh an Ridire Ruadh. Thug Clann Dòmhnuill Eilean Thiriodh orra, far an do loisg iad gach tigh, an do chreach iad an spréidh, agus an do mhort iad a’ chuid bu mhò de Chloinn Ghilleathain a bha ’tuineachadh anns an eilein sin agus I-Chaluim-chille. “Bha boile agus cuthach air Clann Dòmhnuill. Chruinnich iad feachd ùr gu oidheirp a thoirt air Lachunn Mór ’na chaisteal an Dubhaird. Chruinnich iad air eilean a tha dlùth air ceann mu dheas Chearara, beul Loch Faochann, ris an abrar am Bac; ach cha b’ ann gun fhìos do Lachunn Mór. Chruinnich esan a dhaoine ’s a chàirdean, a chinneadh féin uile, agus Clann Nèill Bharra, Clann Mhic Fhionghain an t-Sratha, agus Clann Mhic Guaire Ulbha. Dh’ fhàg iad Dubhaird ’nam birlinnibh, le sgairt de ghaoith tuath agus toiseach tràghaidh; agus cha b’ fhada bha iad a’ ruigheachd a’ Bhac. Bha boghachan-saighead aig a’ chuid a bu mhò de ’n fheachd so. Chruinnich Clann Dòmhnuill air an tràigh; ach leig Clann Ghilleathain frasan de shaighdean ’nam measg, a thug orra an tràigh fhàgail. Chaidh iad air tìr. Leig iad air Clann Dòmhnuill le ’n claidheamhnan, gus an do mharbhadh trì cheud gu leth dhiubh; agus bha a’ chuid bu mhò de na bha beò air an leòn ’s air an reubadh gu truagh. “Thill Lachunn Mór do Dhubhaird, agus Mac Dhòmhnuill Shléibhte, Mac Iain Ard-na-murchan, Mac Leòid Leòghais, agus Mac-a’-Phì Cholosa [TD 241] aige ’nam prìosanaich. Mu dheireadh b’ éiginn do dh’ Ard-Chomhairle na rìoghachd dol ’s an eadraiginn, agus geallaidhnean fhaotainn taobh air taobh, o Chloinn Ghilleathain agus Chloinn Dòmhnuill, sgur de ’n mhort eagalach so a bha dol air aghaidh, agus sìth agus réite a dheanamh, air neò gu ’n cailleadh iad le chéile an oighreachdan. Rinneadh sìth, ach bha fuath agus nàimhdeas ’nan cridheachan. Leigeadh na prìosanaich fa sgaoil o chaisteal Dhubhaird. Thug Lachunn Mór urras seachad air a shon féin agus air son a chuid daoine, gu ’n giùlaineadh iad iad-féin gu sìochail o sin suas. “’N uair bha, mar shaoil leis an Rìgh, gach cùis socraichte, chuir e urram air Triath Dhubhaird agus rinn e Ridire dheth. “Ach cha b’ fhada gus an d’ fhàs e sgìth de ’n chùmhnanta fo ’n tàinig e. Cha b’ urrainn do ’n ghaisgeach fuileachdach so a bhi ’na thàmh. Bha Mac Iain Ard-na-murchan a dh’ éirich le Clann Dòmhnuill ’na aghaidh, a nis a’ suiridhe air màthair Lachuinn Mhóir. Bu phiuthar i do Iarla Earra-ghaidheal, Mac Cailein Mór. Bha teachd-a-stigh mhór aice, agus dh’ iarr e a pòsadh. Cha do chuir Lachunn Mór ’na aghaidh so, ged bha làn fhios aige gu ’m b’ e am beairteas a bha dhìth air Mac Iain, ’s nach b’ e aona ghaol a bh’ aige air a mhàthair. Shuidhicheadh latha na bainnse. Choinnich cuideachd mhor ann an Torloisg, far an robh bean-na-bainnse a chòmhnuidh. Bha moran chàirdean cruinn. Bha am pòsadh seachad. Chaidh a’ [TD 242] chàraid òg a laighe. Bha na càirdean ag òl. Thòisich an connsachadh. Bha deoch air a chuid a bu mhò a bha ’làthair. Thuirt fear de Chloinn Dòmhnuill nach b’ e an gaol féin a thug air Mac Mhic Iain a’ chailleach, màthair Lachuinn Mhóir, a phòsadh, ach gaol an airgid. Bu leòir so. ‘Tha ’n fhìrinn agad,’ arsa fear de Chloinn Ghilleathain; agus le sin, shàth e ’bhiodag ann an cridhe ’n fhir eile! Bha ’n tuasaid air bonn. Mhurtadh a’ chuid bu mhò de luchd-leanmhuinn Mhic-’ic-Iain. Chaidh fear-éiginn a stigh far an robh Lachunn Mór ’na laighe, a dh’ ìnnseadh dha mar thachair. ‘Falbh,’ ars esan; ‘cha ’n eil comas air. Ma ruitheas am madadh-ruadh am broilleach nan gadhar, ’s gu ’m millear e, có ’s coireach?’ “Chaidh na murtairean a stigh do ’n t-seòmar far an robh a’ chàraid òg ’nan laighe, agus bhiodh fear-na-bainnse air a ghrad chur gu bàs, mur bhi gu’n do dhùisg glaodhaich agus sgreadail a mhàthar seorsa de truas ann an cridhe Lachuinn Mhóir. “Bha Mac Iain Ard-na-murchan a nis a’ cruinneachadh a chàirdean, chum a bhi ’m bad Lachuinn air son mar a ghiulain Clann Ghilleathain iad-féin oidhche na bainnse, air son murt a chuid daoine. Chuala Lachunnn Mór na bha ’na bheachd. Fhuair e cuideachadh is thug e Eig is Cana, agus Eilean-nam-Muc air, a bhuineadh do Chloinn Dòmhnuill; agus chreach is loisg e iad; agus ’na dhéigh sin, chaidh e air tìr ann an Ard-na-murchan, chum Caisteal Mhiongairidh a losgadh, na ’m b’ urrainn [TD 243] da. Is gann a dh’ fhàg e tigh ’na sheasamh ann an Ard-na-murchan o cheann gu ceann. “Mu dheireadh fhuair Lachunn Mór agus Mac Dhòmhnuill Ile sumanadh gu seasamh an làthair an Rìgh agus na Cùirte ann an Dùn-éideann. Fhreagair iad an sumanadh. Chuir Rìgh Seumas fichead mìle punnd Sasunnach ùlaidh air Lachunn Mór—suim anabarrach ’san àm sin—an déigh dha urras a thoirt seachad, agus a ghealltainn nach tugadh e tuilleadh oidheirp an aghaidh Chloinn Dòmhnuill. An déigh sin fhuair e a chead. Chuireadh an t-suim cheudna mar ùladh air Mac Dhòmhnuill Ile. Chuir iad ceithir mìle punnd a dh’ ùladh air Mac Dhòmhnuill Shléibhte. Thug iad so, mar an ceudna, urras air son an giùlain mhaith; agus fhuair iad an cead. “Cha luaithe fhuair Lachnnn Mór dhachaidh na thog e ochd-cend-deug saighdear, agus leò so chaidh e nunn do dh’ Eirinn, gu cuideachadh le Elizabeth, Banrigh Shasuinn, na fineachan borb Eirionnach a cheannsachadh, a bha air éirigh suas an ceannairc ’na h-aghaidh. Ach cha b’ fhada gus an do ghairm Rìgh Seumas air ais o Eirinn e, oir bha cogadh ùr air bristeadh am mach ann an Albainn. Bha moran de na teaghlaichean Pàpanach ’san taobh tuath air éirigh suas an aghaidh an Rìgh; agus dh’ éirich na Caimbeulaich fo Mhac Cailean Og agus Iarl’ Athull, agus Morair Foluis as a leth—agus maille riu so, Lachunn Mór Dhubhaird. Thugadh uachdranachd armailt an [TD 244] Rìgh do Mhac Cailein, nach robh ach ochd-bliadn’-deug a dh’ aois. Choinnich an dà arm a chéile aig Gleann-Leibhid, far an do chuireadh blàr fuilteach. Chuireadh an ruaig air na Caimbeulaich, agus thàr Mac Dhòmhnuill Duibh agus na Camronaich as ’nan déigh, ach sheas Lachunn Mór ’s a chinneadh misneachail. Bha dà cheud deug fear an earbsa ris, agus leò so chuir e ’n taobh eile gu dùlan, ged a theich na Caimbeulaich. “Cha b’ fhada sheas an t-sìth a rinneadh eadar Lachunn Mór agus mac a pheathar, Mac Dhòmhnuill Ile, Sir Seumas Og. “Thàinig am flath òg a stigh air an oighreachd an àite ’athar agus bha fadal air bràthair a mhàthar, Lachunn Mór, a choinneachadh agus aicheamhail a thoirt a mach air son gach losgaidh agus millidh a rinn e air a dhùthaich ’s air a dhaoine. Fhuair Sir Lachunn còir o ’n Rìgh air cuid de dh’ Eilean Ile, agus cha robh e am beachd Shir Seumais cur ’na aghaidh so, ach cha do chòrd iad mu na crìochabh. Chum Sir Lachunn a mach gu ’m buineadh Port-Asgaig dhàsan, ach so àite ris nach dealaicheadh am fear eile ’s e beò. Chaidh Lachunn Mór a dh’ Ile chum so a shocrachadh, le cabhlach mór, ’s cha do phill e gu bràth air ais. Thàinig droch shìd, agus b’ éiginn da tarruing air falbh do Loch Gruinneard, agus fasgath a ghabhail dlùth do ’n eilean. Shocraicheadh latha àraid anns an robh e féin agus mac a bhràthar ri coinneachadh, agus gach cùis a cheartachadh. [TD 245] “Chuir Lachunn Mór air tìr le dà cheud agus trì fichead fear a choinneachadh Shir Seumais. Dh’ fhàg e a’ chuid eile d’ a dhaoine ’sna birlinnibh aig an eilean, fo Eachunn Og, a mhac a bu shine. Chaidh am mac a b’ òige, Lachunn, air tìr le ’àthair. Thàing Sir Seumas ’na chomhdhail leis an aireamh cheudna de luchd-leanmhuinn, ach dh’ fhàg e buidheann mhór dhaoine cùl cnuic, gu bhi dlùth, an earalas gu ’m biodh feum orra. “Mhothaich muinntir Ile gu ’n robh luingis Shir Lachuinn air traghadh an Loch Gruinneard, ann an lathaich far nach robh e comasach do neart dhaoine an carachadh; agus mar so bha chuid a bu mhò de cheatharnaich Lachuinn ann an eilean gun chomas tìr-mór a thoirt orra a chuideachadh leis. Fhuair Sir Seumas brath gur h-ann mar so a bha chùis. Rinneadh fead, agus gu grad thàinig iadsan a bha air an cleith cùl na beinne air an aghaidh. Thuig Lachunn Mór mar a bha chùis—thuig e foill Shir Seumas, agus ged nach robh leis-san ach trì-fichead-fear deug, agus ochd ceud air an taobh eile, chuir e roimhe nach strìocadh e. Labhair e r’a dhaoine—tharruing e a chlaidheamh-mór, claidheamh a’ chinn-iaruinn—thog e suas e ’na ghlaic chumhachdaich. ‘Có air bith,’ ars esan, ‘a chì a’ ghrian ud shuas a’ dol fodha an nochd, bidh e ’na chomas a ràdh gu ’n d’ rinn an stàilinn so a dleasanas!’ Bha Clann Dòmhnuill gu h-àrd air uchdaich os an cionn. ‘Leanaibh mise, fheara!’ ars esan; ‘thugamaid urram mar is còir do [TD 246] mhac mo bhràthar ’na ionad àrd.’ Ann an ùine ghoirid bha an dà fheachd am badabh a chéile. Thuit móran ’s a’ cheud ionnsaidh, agus thugadh pilleadh air Cloinn Dòmhnuill, ach coma, phill iad a rithis agus a rithis; ach cha robh e ’nan comas Clann Ghilleathain a chumail o mhullach a’ chnuic a ruigheachd. ’Nuair chunnaic Sir Seumas nach b’ urrainn do Lachunn Mór, no a dhaoine chasg, leig e air gu ’n robh e ’teicheadh—thàr e ás gu cnoc eile, an dochas gu ’n leanadh muinntir Mhuil’ e; oir bha buidheann eile de mhuinntir Chinntìre aig Mac Dhòmhnuill am folach, ’s bu mhiann leis Lachunn Mór a bhriagadh air aghart far an robh iad. Ach cha robh an seann laoch co socharach, no cho furasda mhealladh. Chruinnich e a dhaoine mu ’thimchioll air mullach an àite a choisinn iad le ’n claidhmhean, agus chuir e roimhe fuireach an sin gus am pilleadh air an t-sruth, agus gu ’m faigheadh Eachunn Og ’s a’ chuid eile d’ a dhaoine gu tìr, gu cuideachadh leis. ’Nuair thuig Sir Seumas nach robh e ’na chomas bràthair-’àthar a mhealladh, agus eagal a chridhe air gu ’m faigheadh a’ chuid eile d’ a dhaoine gu tìr, ghrad phill e le naoi ceud fear, gu Clann Ghilleathain a chur gu bàs, no a thoil féin fhaotainn uapa. “Sheas Sir Lachunn air mullach a’ chnuic, air ceann a dhaoine, gus an tàinig Sir Seumas Og mar cheud slat do ’n àite ’n robh e. ‘Leigibh á so mi, fheara,’ ars esan; ‘ìslichidh mi it’ an fhìrein òig ud, air neo tuitidh mi ’san oidhirp.’ Leum e [TD 247] sìos an comhdail Shir Seumais, agus a dhaoine ’na dhéigh. Dh’ fhosgail e slighe dha féin le ’chlaidheamh. Thuit gach h-aon a thàinig ’na rathad, gus an robh e mar fhad a’ chlaidheimh do Shir Seumas. Stad e—bheachdaich e air le sealladh colgarra, gidheadh le bàigh. ‘A Sheumais, a Sheumais, a mhic mo pheathar, fàg mo rathad!’ Aig a’ cheart àm so, thàinig urchair o laimh leibidich Dhubh Sìthe bha measg Chloinn Dòmhnuill, a bhuail Lachunn Mór ’san uchd, agus thuit an laoch! “Chuir so boile choimheach air Cloinn Ghilleathain—chruinnich iad mu thimchioll corp Shir Lachuinn. Ghabh muinntir Shir Seumais misneach, agus ged bha triùir mar aon an aghaidh Chloinn Ghilleathain, cha do strìoc iad. Air an àm so thàinig buidheann ùr a’ mhuinntir Arainn a sheas le Cloinn Dòmhnuill, ach ged a thàinig, sheas Clann Ghilleathain fhad ’s a bha duine comasach air seasamh air bonn a choise. Mu dheireadh ’s gann a dh’ fhàgadh duine beò dhiubh. Thuit air blàr Ghruinneard dà-fhichead-deug ’s a deich dhiubh. Cha d’ fhuair ach fichead beò ás a’ chòmhraig, agus bha dà-fhear-dheug dhiubh so a dh’fhalbh le Eachunn Og, g’a dhion, dh’ionnsaidh a’ chladaich, mu ’n do thuit ’athair. Bha sealladh aca-san a bha air Eilean Naomh air na bha dol air aghaidh, ach cha robh e ’nan comas tìr-mór a ruigheachd chum cuideachadh le ’n càirdean, agus bu chruadalach an sealladh so do na laoich ghasda bha air a chuthach le aimheal nach b’ urrainn iad a bhi ’n sàs [TD 248] ’nan nàimhdean foillteil. ’Nuair phill an seòl-mara, thog iad na siùil, shìn iad na raimh, agus le cridheachan briste, cumhadh, agus bròn, thug iad Dubhard orra, far an cualas gaoir nam ban Muileach, ’s cha b’ iongantach e. Chaidh Lachunn Mór a mharbhadh ’sa bhliadhna 1598, agus chaidh a thiodhlacadh ann an Eaglais Chille-Chomain an Ile.” “Sin agaibh a nis,” ars an seann laoch, “eachdraidh Lachuinn Mhóir—sìth d’ a anam! Tha latha mór air thoiseach oirnn am màireach, ach tha sinn ann an làmhan Dhé. Fhionnlaidh, a laochain, cuir mu ’n chuairt an t-slige aon uair eile. Fhearchair, cuir connadh air an teine, oir tha e dol ás.” Mar so chuir e crioch air a naigheachd ris an d’ éisd sinn gu mion, oir bha e air a h-innseadh ann an dòigh a rinn glé shoilleir gu ’n robh am fear-aithris a’ creidsinn a h-uile facal a labhair e. Glé mhoch ’s a’ mhadainn chual sinn sgal na pìoba, agus thuig sinn an cuireadh— “A chlanna nan con! a chlanna nan con! Thigibh an so is gheibh sibh feòil!” agus a thiota bha an t-arm a’ gluasad, is sinn fo òrdugh na Frangaich a ruagadh as a’ choille, agus goirid ’na dhéigh so, bha sinn an sàs anns an nàmhaid aig Fontenoy, far an do thuit Caimbeulach Fhuinn-an-aba. B’ e sin an ionnsaidh gharbh. Bha an seann cheannard Mac Gilleathain ’s a sheachd [TD 249] mic air thùs ’s air thoiseach. Thuit e fhéin agus a sheachd mic anns an ionnsaidh so—fear an déigh fir dhiubh, a’ feuchainn ri àthair a theàrnadh. Cha ’n ’eil fhios có dhiubh a ghluais Mac Gilleathain ’s a mhic air a’ mhaduinn sin is iad a’ trasgadh, ach tha fhios air a so, gu ’n d’ fhuaireadh Raonull Og marbh glé mhoch ’s a’ mhaduinn, ’s e giùlan màileid làn bìdh mar a gheall e. Cha leigear air dhi-chuimhne an cabhaig anns an Fhreiceadan Dubh, an ceannard Mac Gilleathain agus a sheachd gillean gleusda. [TD 250] EÓGHAN-A’-CHINN-BHIG. ANN a bhi toirt sgrìob air eachdraidh Lachuinn Mhóir Dhubhaird rinn mi iomradh air Eóghan-a’-chinn-bhig, agus theagamh gu ’m bu mhath le cuid eachdraidh an laoich so a leughadh. Bu mhac Eóghan-a’-chinn-bhig do Iain Og Locha-buidhe, a chaochail mu ’n bhliadhna 1539, agus b’ e a bhràthair Murchadh Geàrr. Mu ’n àm so thachair gu ’n robh comh-strì dhian eadar teaghlach Locha-buidhe agus Ceann-teaghlaich eile a bha ann am Muile. Bho ’n a dh’ fhairtlich orra an gnothach a shocrachadh air dhòigh eile, smuainich iad gu ’n leigeadh iad a’ chùis gu ràdh a’ chlaidheimh, agus dh’ ainmicheadh an t-àm agus an t-àite anns an robh iad ris a’ bhlàr a chur. Chaidh Eóghan-a’-chinn-bhig, a réir nòs amaideach nan linntean dorcha sin, a chur a chomhairle ri seana chaillich a bha ’san dùthaich, a bha air a meas mar bhana-bhuidsich, agus a thug air daoine dall a’ chreidsinn gu ’n robh fiosachd aice. An déigh dha an duais ghnàthaichte a thoirt dhi, dh’ fheoraich e dhi am faigheadh e buaidh ’sa bhlàr. “Ma thachras,” ars ise, “gu ’n toir a’ bhan-tighearna lòn maidne dhuit féin agus do d’ dhaoine gun iarraidh air madainn a’ bhlàir, gheibh thu [TD 251] buaidh, ach mur faigh sibh lòn maidne gu ’n iarraidh, bithidh tubaist ’sa chùis.” Bha so ’na fhiosachd mhuladaich do Eóghan, oir ged a b’ e fhéin ceann-uidhe na féile, cha bu bhan-bhiataich fialaidh a bha pòsda ris, ach “cridhe na circe an gob na h-airce.” Cha robh comas air. Thàinig an latha; dh’ éirich a’ ghrian, agus bha aoinidh Chàrsaig air a h-òradh le a gathaibh àigh. Bha na fir threuna ’nan làn uidheam ’sa Mhàigh. Bha bratach nam buadh a’ mire ’sa ghaoith. Bha nuallan na pìoba a’ sgaoileadh mu bhruachaibh na Beinne-buidhe. Chuir Eóghan treun suas a lùraich agus a chlogaid. Thugadh a mach claidheamh a’ chinn Ilich, agus bha steud-each meanmnach odhar na beinne a’ feitheamh air aig gille na sréine, agus a ghiala fo chobhar bàn a’ togradh gu còmhraig. Bha ’n t-àm bhi triall, ach cha robh iomradh air lòn. Cha robh comas air, b’ éiginn iarraidh. Chuir Gortag, “an droch Chorra dhubh” (oir b’ e sin an t-ainm a bh’ aig a chinneadh oirre), measraichean de ghruth agus measraichean mìg fa chomhair nan daoine. “C’àit,” ars Eóghan, “am bheil na spàinean?” “Deanadh,” a deir ise, “gach fear cleas na circe, gabhadh e a ghob.” Cha do bhrist Eóghan air a thrasg; bha e spaidsearachd gu gruamach air an fhaiche. Thàinig fàisneachd na caillich ’na chuimhne. Thog na fir orra, agus choinnich iad an nàmhaid. “Mar thoirm fhoghair o dhà bheinn Gu chéile tharruing na suinn.” [TD 252] Chaill Eóghan an latha! Thuit e fo chreuchdan trom, ach tha ainm ’san dàn. Ged a chaochail Eóghan-a’-chinn-bhig, cha d’ fhuair a spiorad fois, oir thuit e ’na thrasg. Bha bhuil so, oir gus an latha an diugh, tha ’thaibhse ri fhaicinn a’ marcachd a’ cheart eich mheanmnaich uidhir air an robh e ’sa bhlàr dheireanach ud. Is eòlach cuid de mhuinntir Mhuile air; tha chumadh ’s a dhreach ann an iomadh dàn. Is iomadh oidhche dhorcha agus gleann fàsail anns an cluinnear srann an eich aigeannaich uidhir so, agus fuaim gliongarsaich a shréine. Tha e caoin-shuarach mu rathad mor an Rìgh, ’s taitneach leis aisridh nam fiadh. Dìridh e an aoinidh is corraiche, agus ’na làn shiubhal tearnaidh e an leacann is caise. Chithear e air uairibh ag ionaltradh air stacan nan creag far nach earbadh a’ ghobhar i féin. Tha e gu tric air fhaicinn leis a’ mharcaiche a’ marcachd nan sìon, agus ’na sheasamh air a chorra-bioda air a’ bhinnein is àirde. Tha e giùlan a’ cheart chleòc uaine a bha uime ’sa chomh-strì, agus ged a tha nis teann air ceithir cheud bliadhna o ’n a thuit e, tha e fhéin agus a steud-each odhar cho dian shiùbhlach, thapaidh ’s a bha iad riamh. A réir an sgeoil so, ’s e dreuchd Eóghain a bhi làthair anns gach àite ’sa bheil aon de theaghlach Locha-buidhe ann an teinn; agus a’ saoithreachadh anns an obair so, cha dean muir no monadh, no cur no cathadh, a bhacadh. Bha e air ais ’s air aghaidh do dh’ Eirinn mu ’n cualas riamh iomradh [TD 253] air soitheach na smùide; bu shiùbhlach e air barr-bhalla Bhurgos, ’san Spainnt, an oidhche a chuireadh “Am Freiceadan Dubh” a ghlacadh an àite sin, agus Murchadh Og Locha-buidhe ’s a dhaoine ’san iomairt. Is iomadh òganach gleusd’ a thog e leis air an each odhar, troimh gharbhlaichean fiadhaich; thug e an oidheirp fa dheireadh de ’n t-seòrsa so, o chionn dà-bhliadhn’-deug air ceatharnach treun gramail a choinnich e ann an Gleann-forsa. Ghlac Eóghan-a’-chinn-bhig air laimh e, agus dh’ fheuch e a thogail leis a dheòin no dh’ aindeòin, Stailc an Leathanach tapaidh a chas ri creig, agus ghlac e craobh sheilich fo ’n achlais eile. Thug Eóghan iomadh tulgadh treun, ach cha deachaidh leis. Spìon an ceatharnach gu làr e, ach ma spìon, bha chraobh air a sniomh mar ghad leis an spàirn. Theich an t-each odhar, agus dh’ fhalbh Eóghan air a thòir. An sealladh mu dheireadh a fhuair an ceatharnach dheth bha e eadar e is fair’ air mullach Beinn-t-sealg, bha greim aige air an t-sréin, ach thàinig baideal cheò thairis air mullach na beinne, ’s cha ’n fhacas an ath-shealladh dheth. Tha uaigh Eóghan-a’-chinn-bhig ri fhaicinn gus an latha ’n diugh ann an Réilig Orain, ann an I-Chalum-chille. [TD 254] MAR A THAGH SINN AR MINISTEAR. C’ IAMAR a thagh sinn ar ministear? Ma ta, innsidh mise sin dhuibh-sa, a dhuine chòir, agus mur ’eil mo shùilean ’g am mhealladh, buinidh sibh do ’n eaglais Shasunnaich braigh’-a’ bhruthaich. Cead dhuibh-sa, buinidh mise ’s mo chompanaich a so do ’n eaglais Bhaistich. Tha sinne, iasgairean bochda, fad’ na seachdain fo smachd an sgiobair, gun chothrom againn air ar cinn a thogail no ar guth a shìneadh; nis na ’m buineamaid do ’n eaglais ud shuas cha bhiodh meas no urram oirnn Di-dòmhnaich seach là eile, ’s cha bhiodh dreuchd no ùghdarras againn mu ’n eaglais, ach anns na Baistich tha gach fear againn fo mheas agus ann an dreuchd. Tha mi fhéin agus Dòmhnull Mór a so ’nar foirbhich, agus b’ fhiach dhuibh tighinn ’g ar faicinn Di-dòmhnaich, mar a bheir sinn leinn a dh’ aona sgrìob, dà thaobh na h-eaglais leis na ladair. Is e mo bhrathair-céile an so, is fear-ciùil anns an eaglais, agus ’s e mo bheachd nach robh Daibhidh féin, an latha b’ fheàrr a bha e, na bu bhinne na esan air seinn nan Salm. Gabhadh mo leisgeul, tha mi ’n deigh ruith a leigeil do m’ theanga agus dol troimh mo naigheachd— [TD 255] bha e uam innseadh dhuibh mar a thagh sinn ar ministear. Anns an eaglais againne ’nuair a tha sinn a’ fàs sgìth d’ ar ministear, tha sinn a’ toirt cead a choise dha—a’ toirt dha na bàrlainn, mar a their sibh, agus gabhadh e a cheithir-rathaide-fichead, agus tha sinn a’ taghadh fear eile ’na àite. Cha ’n eil na ministearan idir gann, is tha iad coltach ri buntàta nan coimhearsnach, math is meadhonach. A’ bhliadhna so chaidh bha an eaglais bàn, ’s cha robh ach ministear ùr a h-uile seachdain againn, agus a dh’ innseadh na fìrinn dhuibh-sa, chuala sinn tuilleadh ’s a chòir, agus bha sinn a’ fàs tòrmasach. Dòmhnach a bha sin le driod-fhortan a thaobh-eigin, thuit gu ’n robh triùir dhiubh air ar làmhan, agus thug so gnothaichean gu aona-cheann, agus se bh’ ann gu ’n d’ rinn sinn a suas ar n-inntinn gu ’n taghamaid aon de ’n triùir. Bha ’n seann-duine Lachunn Liath, mac do Lachunn Cam, a bha aon uair ’na cheistear ’s ’na sheorsa ministeir ann an Colla, ri searmonachadh roimh mheadhon-latha; bha Eachunn Bàn, ogha do ’n bhàrd ghagach a bha ’n Cadaldan, ri a ghuth a shìneadh an déigh mheadhon-latha; agus anns an fheasgar, bha an gille caol dubh—’s cha b’ aithne dhuinn có ’n sliochd taighe ’g am buineadh e—ri searmonachadh. Tha mise ’g ràdh ruibh gur e latha mór a bha ri bhi againn. Có thachair orm aig dorus na h-eaglais ach seana Chalum-nan-long—nach robh anns an eaglais bho Bhliadhna-na-braoisg—agus ars esan— [TD 256] “Gabh beachd air m’ fhacail, a charaid, chì thusa seòladh teann air a’ ghaoith an diugh. Ach ’s e mo bheachd gu ’n dean am bodach liath, a tha eòlach air gach sruth is saor-shruth, falach-cuain air an dithis eile. Cha bhi seòl mór no seòl bìodach nach bi aige ri crann.” “So agad e tighinn,” arsa mise, agus mi ’ga fhaicinn a’ teannadh oirnn le a charaid Seumas Ceisdear—iar-ogha bràthar a mhàthar—a thug aoidheachd dha air sgàth seann eòlais. Thàinig e an taobh a bha sinn, is chuir e fàilte oirnn gu mìn miodalach—bha fhios aige gu ’r ann againn a bha na lèabagan r’ a roinn. ’S e duine fìor stòlda coltas a th’ ann an Lachunn Liath, le ceann mór sgailceach agus aghaidh mhór bhàn. A’ dhuine chridhe, ’s ann aige a bha sgioladh cainnt anns a’ chrannaig. Shearmonaich e fad dà uair an uaireideir air roimh-òrduchadh. Dhearbh e dhuinn le Greugais, Eabhra, agus Laidinn gu ’m b’ e so an creideamh ceart—agus creideamh ar n-eaglais-ne anns na linntean dorcha. Cha chreid sibh an drughadh a rinn a’ Ghreugais agus an Eabhra air cuid. ’San tighinn a mach thuirt mi fhein ri Calum nan-long, “Siud agad cainnt.” “Cainnt òirdhearc, agus teagasg fallain,” arsa Seumas, a tha daonnan, ma ’s fhìor e fhéin, eudmhor air son a’ chreidimh. Chaidh Lachunn Liath dhachaidh le Seumas Ceisdear, ’s iad le chéile anns an làn bheachd gu ’n robh an latha leotha. [TD 257] An déigh mheadhon latha chaidh Eachunn Bàn a suas do ’n chrannaig—le fhalt slìogach dubh, a’ nuas m’ a ghuaillean mar nach robh bearradair ’san aon dùthaich ris. Thug e mach a cheann-teagaisg agus dh’innis e dhuinn dealbh nan cruitean-ciùil a th’ aig na naoimh air neamh agus mar a ghleusar iad. Ma bha a cheann slìogach a’ dol do ’n chrannaig, cha robh e fada innte ’n uair a bha e pabach gu leòir, oir chuir e ’dheich meòir troimhe agus thug e ’nuas m’a shùilean e. Dh’ aithris e rann an déigh roinn de bhàrdachd, agus an sin dh’ fhàs a ghuth critheanach agus ghuil e gu goirt gus an robh mu dheireadh taoim anns a’ chrannaig. An àm tighinn a mach có bhean ri m’ uilinn ach Dòmhnull nan Dàn á Lagan Mór. “Nach ann a sud a bha bhàrdachd?” ars esan. “Nach e a chaidh ri sheanair, Bàrd Chadaldan. Cha chualas a leithid o laithean Oisein.” Anns an fheasgar chaidh an gille òg sgafarra dubh, a bha ’na choigreach dhuinn uile, a suas do ’n chrannaig. Bha móran ’s a’ bheachd gu ’n robh e tuille ’s òg air ar son, ged a dh’ fhaodadh e bhi tapaidh. Ged a bhlàthaich mo chridhe ris an òganach air son cho pongail, thapaidh ’s a bha e, aig a’ cheart àm bha fhios agam nach robh e coltach gu ’n rachadh a chur air thoiseach air an dithis eile. Thug e mach a cheann-teagaisg, “Do gach neach a réir a chomais.” Thuirt e nach robh Dia ag iarraidh air neach air bith ach na bha ’na chomas. Cha robh sinn ri bhi seasamh aig na h-oisnean [TD 258] ’s ar làmhan ’nar pòcannan gus na h-uilnean, a’ feitheamh gus am faiceamaid gniomh mór maiseach, r’ a dheanamh a choisneadh cliù dhuinn ann an sùilean dhaoine, ach ris gach uile dhleasanas a dheanamh gu deas, ealamh—dìreach ri seasamh aige agus ar dleasanas a dheanamh do Dhia agus do dhaoine gun sùil ri moladh an t-saoghail. Bha an t-searmoin pongail, òrdail, ’s cha robh neach a sin nach do thuig a h-uile facal dhi. An déigh na searmoin bha cruinneachadh beag againn anns an tigh-sheisein a chur ar cinn r’ a chéile, agus cha robh ach dà bheachd ’nar measg—co dhiu a thaghamaid am bodach liath, le chainnt ’s le fhòghlum, no Eachunn Bàn le a bhàrdachd. Cha dubhairt duine facal as leth a’ ghille òig a bh’ againn ’san fheasgar. Air Di-ceudain bha coinneamh ri bhi againn anns an eaglais gus an gnothach a chur an darna taobh, ach bu bheag a shaoil sinn ’nuair a sgaoil sinn feasgar na Sàbaid de cho luath ’s a thaghamaid ar ministear. Is e mo bheachd nach bi am feasgar Sàbaid sin air dhi-chuimhn’ anns an sgìreachd so cho fad ’s a sheòlas bàta a mach as a’ chamus, no cho fada ’s a tha iasgair a’ fuireach mu na cladaichean—oidhche na stoirm mhóir theirteadh rithe, ’n uair a chaidh an long San Pedro, as an Spàinnt, ’na clàraibh air na Sgeirean Dubha. Is seann seòladair mise a sheòl an cuan mór, agus tha e ’na chleachdainn agam sùil a thoirt a mach [TD 259] air an iarmailt gach feasgar mu ’n gabh mi mu thàmh. Air an oidhche so chunnaic mi long mhór anns an Linne Sheilich, agus cha bu toil leam idir coltas nan speur, oir bha na baideil dhubha a’ ruagadh a chéile agus roth mu ’n ghealaich. Ged a chaidh mi laighe cha b’ ann gu cadal, oir mhothaich mi gu ’n d’ éirich a’ ghaoth agus bha mi cluinntinn nan tonn feargach a’ sadadh air na creagan. Chuimhnich mi air an long a chunnaic mi a’ fiaradh na linne, chuir mi orm m’ aodach agus ghabh mi mach. Dia ’g ar teasraigean b’ e sin an oidhche! Am bheil sibh a’ faicinn na sgeir dhubh ud? Cha ’n fhaca sibhse an làn thairis oirre o ’n a thàinig sibh do ’n sgìreachd, agus faodaidh sibh a bhi bliadhnachan an so gun an sealladh sin fhaicinn; ach air an oidhche ud bha na tuinn a’ dol thar a cinn, agus a’ sadadh air a’ cheadha. Cha robh reult ri fhaicinn— “Shéid a’ ghaoth is chas an sruth, Is dh’ éirich suas na tonna tiugh Gu h-éitidh garbh.” Bha tein-athair is tàirneanach ann nach fhacas ’s nach cualas riamh a leithid. Cha robh fear no bean anns a’ bhaile nach robh aig a’ chladach—a’ gabhail seòrsa fasgaidh aig bun a’ cheadha. Ann an soillse uamhasach an dealanaich chunnaic sinn an long eireachdail ’ga h-iomain leis an stoirm gus na Sgeirean Dubha. Cha robh air thalamh na [TD 260] b’ urrainn a teàrnadh a nis. Dia ’gan cuideachadh! Bha na mnathan a’ gul ’s a’ caoineadh air son nam fear treun a bha dol gus am bàs, ’s air son nam mnathan a bhitheadh gu goirid ’nam banntraichean, agus nan teaglaichean maoth a bhitheadh air am fàgail ’nan dilleachdain. Las an speur aon uair eile le tein-athar agus leis a’ bhaoisge chunnaic sinn an San Pedro a’ bualadh air na sgeirean, agus dh’ éirich glaodh bho na bh’ air bòrd nach d’ fhàg riamh mo chluasan. Dh’ fheoraich sinn de chéile, “An gabh dad idir deanamh?” Bha an cuan a’ goil, agus cha robh bàta air a’ chladach a sheasamh anns an stoirm re seal. Cha robh e cneasda do neach feuchainn ri snàmhadh a mach, ged a bha ropa deas againn aig ceann a’ cheadha. Bha a’ ghealach a nis air éirigh, agus mar sin bha e comasach dhomh fhaicinn dé bha dol air aghaidh air tìr. Aig bun a’ cheadha bha na mnathan ’s a’ chlann ’nan cròilean, agus teann orra, eadar iad is sinne, bha Lachunn Liath agus Eachunn Bàn ’s iad ceann-ruisgte. Bha Lachunn Liath ag ràdh gu ’n robh na bha iad a’ faicinn air òrduchadh o ’n a leagadh bunaitean an domhain, agus dh’ innis “Beul na Fùrinn,” Peigi Mhór, dhomh ’n uair a bhuail an long air na creagan gu ’n do thoisich e ri aithris na laoidh— An dòighean dìomhair gluaisidh Dia, Thoirt ’iongantais mu ’n cuairt; Mar charbad dha tha ’n doinionn dhian, ’S tha lorg a chois ’sa chuan. [TD 261] An doimhneachdan de ghliocas sìor, Tha ’rùintean taisgte suas; Is cuirear leis a thoil an gniomh Mar ’s miann leis fhéin gach uair. Bha leam gu ’n robh a h-uile duine ’san sgìreachd air an oidhche ud aig bun a’ cheadha, ach cha robh mi ’faicinn a’ ghill’ òig a shearmonaich air an fheasgar ud, ach robh mór iongantas orm, oir chuala mi gu ’n deach e dh’ fhuireach le caraid dha a mach air an dùthaich, ach direach ’n uair bha e ’nam bheachd, chunnaic mi e nuas an ceadha ’s e ’na fhuil ’s na fhallus. Sud e tighinn, a ghnuis a’ dearsadh le soillse iongantach. “Seasaibh a thaobh, a mhnathan.” Gu stòlda, ciùin, dh’ òrduich e as an rathad iad. Nuas an ceadha ghreas e seachad air Lachunn Liath is Eachunn Bàn, gus an d’ ràinig e sinne aig gob a’ cheadha. Thilg e dheth a bhrògan ’s a chòta, ’s a’ glacadh ropa ’na làimh, ars esan, “Nis, ’illean!” Dh’ fheuch sinn ri chumail air ais, ach le làmhan fhéin cheangail e an ropa m’ a mheadhonan. A’ toirt aon sealladh air an long a bh’ air na sgeirean agus sealladh eile air neamh, thuirt e, “Seasaibh a thaobh!” agus thug e duibh-leum a mach thar ceann a’ cheadha. Lean sinn e mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodamaid ’s e snàmhadh anns an t-sruth ioganach a bha goil mar Choire-Bhreacain, agus— “Snàmhaiche a b’ fheàrr na ’n laoch Cha do leag a thaobh ri sruth.” [TD 262] Bha sinn a’ feòraich r’ a chéile an ruigeadh e sàbhailte, agus ’ga leantainn le ’r sùilean ’s e cogadh an aghaidh sruth is soirbheis. Mu dheireadh thug na seòladairean an aire dha agus thoisich iad air a mhisneachadh. Chunnaic sinn e ruigheachd na luinge, agus thilg tonn beò slàn air bòrd e. An sin thog sinn uile iollach àrd, agus thug sinn taing do Dhia a rinn a chòmhnadh. ’S e bh’ ann gu ’n d’ fhuair gach duine a bh’ air an San Pedro sàbhailte gu tìr. Fear an déigh fir ràinig iad an ceadha. B’ e am fear mu dheireadh a thainig air tìr an gille glan, misneachail, a rinn an gnìomh eugsamhuil ud. Bha e cho bàn ri bréid agus an fhuil a’ sruthadh á sgoch a fhuair e anns a’ bhathais. Chruinnich sinn uile mu ’n cuairt air, ’s e mar neach a thilleadh o na mhairbh. “’Illean,” arsa Calum-nan-long, “cha ’n ’eil móran agamsa ri ràdh, ach their mi so”—agus a’ glacadh a’ ghille air laimh, ghlaodh e—“Gu ’m beannaicheadh Dia ar ministear!” An sin ghlaodh sinn uile a dh’ aona bheum ’s a dh’ aona bheachd—“Gu ’m beannaicheadh Dia ar ministear!” “Aon ghlaodh eile,” arsa mise, agus a’ dol an taobh a bha Eachunn Bàn, thuirt mi ris gu tàireil, “C’ àite bheil do bhàrdachd a nis?” Aig a’ cheart àm faicear Seumas Ceisdear, ’s aoidh uile air, a’ dol an taobh a bha Lachunn Liath, ’s a’ crathadh a dhòrn ’na aodan, ars esan—“C’ àite bheil thu fhéin ’s do roimh-òrduchadh a nis?” [TD 263] An sin dh’éirich aon uair eile an glaodh, “Gu ’m beannaicheadh Dia ar ministear!” Sin agaibh a nis, a dhuine chòir, mar a thagh sinn ar ministear; ’s cha robh aithreachas riamh oirnn air a shon. A CHRIOCH.