[TD 1] Eisdibh! Eisdibh! Eisdibh! Rabhadh Dhoibh-san d’ am Miann a Dhol A DH’ OHIO ANN AMERICA. THA NAHUM WARD, Americach, bho Mharieta ann an tir Ard-Uachdranachd Ohio, a’ toirt cuireadh do thuaidh na h-Albainn, ’s do luchd-saothrachaidh an fhearrainn an’ sin, cuairt a ghabhail do ’n tìr ud, agus oighreachdan a thaghadh ’s a ghleidheadh dhoibh fèin agus d’ an sliochd. Thanaig e fèin thar a’ chuain chum gach fios agus coghnadh thoirt dhoibh. Tha Ard-Uachdranachd Ohio air an 39 ceum gu tuath, air leud an t-saoghail, anns an eadair-mheadhon eadar na duthchaibh teadh agus fuar, agus 300 mìl suas bho Washington ceud-bhaile America gu tuath. Tha ’n tìr-sa saor bho stoirm agus droch-aimsir;—tha ’n t-adhar ciùin;—na h-uisgeacha pailte agus fior-ghlan;—na h-aimhnichean lionmhoir agus doimhin, agus a’ thaobh gum bheil iad a’ taomadh amach an uisge anns an t-Ohio agus am Misisipi, agus uatha-san anns an fhairge air taobh tuath Loch-Mhexico, tha iad lan-fhreagarach air son loingeas;—tha ’m bruacha lan mhuilnean, no aite iomchuidh air an son. Tha fearrainn na h-Ard-Uachdranachd-sa ann an roinntibh sè mìl air gach taobh, de’n goirear bailte, agus tha 1280 acair air an cur a leth-taobh anns gach baile le Congres no Parlamaid na duthcha, airson cumail suas crabhaidh agus foghlum; agus air an aobhar sin, tha Colaistean us Tighean Scoil lionmhora agus foghlum saor, agus tha’n sluagh crabhach, neo-choireach agus neo-chronail ’n an caitheamh-beatha. Tha ’n t-ard-thighearnas ’n an laimhibh-sa a tha air an raoghadh bho ám gu am le luchd-aiteachadh na tìre, agus uime-sin tha iad a’ mealtuin gach uile shaorsin a ta feumail. Tha ’n tir air lionmhorachadh gu mór ann an sluagh;—bho cheann 30 bliadhain chan fhacair innte ach na sealgaire Innseanach, bho ’n ám sin thrèig iad i, agus thanaig an fhasaich anis fo bhlath mar an rôs:—tha Cathraiche us bailte ag eiridh suas air gach taobh mar gum b’ ann le draoidheachd;—tha 800,000 saor-dhaoine an trâ-sa a’ comhnuidh innte;—tha 220 tigh posta airson litrichean aca mar tha;—tha mu thiomchail 50 tigh-clo-bhualaidh aca, far am bheil 46,000 paiparan naidheachd air am bualadh gach seachdain, agus ag craobh-sgaoileadh gach ghnè eolais ’n am measg, agus is beag nach ’eil iad an nasgaidh, tha iad co saor. Fasaidh arbhair de gach seorta, agus tha ’m bár anabarrach pailte agus tròm;—tha gach ghne mheas us toradh liosa aca;—tha ubhlan us piorais aca;—tha pitsean us fion-dhearcaigean, pomgranat no ubhlan garbh-shíolach, melona us cucumair, tamatta no buntata Innseanach, agus móran a’ mheasan eile a’ fas anns na raointibh. Chan eil aca ri cheannach ach te, coffee, us spísreadh, agus, gheibhear iad air leth a’ phrís a ta iad an’ Albainn. Is iad na tuaidh luchd-uailse na duthcha. Tha iad gan mhàl ’s gan bhacadh sèilge;—gheibhear fèidh us coilich-dhubh ri mharbhadh;—gheibhear coilich Fhranngaich no Turkies, us easagan no Pheasants, nach fhaighear anns an duthaich-sa, ach an’ ian-lann nan uailse;—cha bhacair iad ann am fiodh-ghearradh no ’s an t-iasgach;—tha iad gan chíse ’s gan chàin; gan deichimh eaglais ’s gan throm-dhèirce nam bochd, mar a tha ’n Sasgainn;—chan ’eil aca ri phaigheadh ach peighinn an-Ard-thighearnais, nach bith na ’s mó na beagan tastain anns a’ bhliadhainn. Gheibhear féile gu h-ath-ghearr air son gach ni a bhitheas ri reic, agus gan dhol bho ’n bhaile, anns a’ mheud ’s gum bheil muinntir bho na bailtibh agus bho ’n mhachrach, d’an gnath obair a bhi a’ taoghail tighean nan tuadh, ag am bheil spreidh, no caoraich, n’ an leithid ri’n reic;—ni iad an ceannach agus paighidh iad air ball ann an cùineadh na duthcha. Agus tha mar an ceudna latha araidh orduichte air son feilte ann am Marieta, ann an Gallipolis, ann an Athens, agus ann an Logan, ard-bhailte nan Sioramachd, far am bheil fhearrainn-sa. Tha muinntir eile a’ dol mun cuairt a’ cruinneachadh ïm, cais, ubhlan, sïodar no liunn ubhlainn, branndi phitsean, buntata, agus na h-uile bhar eile a gheibhear bho ’n tuadh ri cheannach. Tha siucair cho math ri siucair na h-Innsean air a dheanamh bho ’n chraoibh mhapail, bho ’n dean cuid de ’n tuadh ’s an earrach, mù thiomchail 300 clach; tha saluinn air a dheanadh bho uisge air a tharruing a tuill, ta air an cladhachadh gu doimhne mhòir anns’ an talamh;—agus tha na tuill cho lionmhor ’s gu bheil saluinn ’g a reic mu cuairt do sgillin Sasgannach am pund. Tha buill acfhuine nan tuadh air an deanadh co saor am Marieta agus a ta iad ’s an duthaich-sa. Tha aig Nahum Ward teisteanais us litriche bho ard-luchd-riaghluidh America gu tuath, a chuireas gan àicheadh an’ ceill, gu bheill sealbh us còir aige air cearnaibh farsuing a dh’ fhearrainn luachmhor ann am Marieta, a ta air an àiteachadh gu dlù mar tha. Tha 45,000 acair aig ann am Marieta, agus na Sioramachdaibh mu’n cuairt, ann an earrainnibh bho 100 gu 4000 acair, agus tha e deonach agus ullaidh an reic do cheannaichibh, ann a leithid a mheud agus a bhitheas cuimseach dhoibh. Tha ’m fearuinn-sa na’s lugha na deich mhíl bho bhruaich aimhnichean dhoimhin;—tha chuid is mò air an dearbh bhruachaibh;—agus is beag nach ’eil e gu h-uile na’s lugha na fichead míl bho’n aimhin Ohio, far am bheil ioma long deathaich no teine-luasgach (steamboats) a’ seoladh thuige agus uaithe gach lath. Is e am pris, bho 9 tastan gu 2 ghinnidh gach acair a réir an luaich, &c. Tha aige mar an ceudna 40 cearn no àite ri reic,—cuid dhiu 100 acair, ’s cuid eile 160 acair, air an glanadh bho chraoibh ’us phreasaibh, agus le tighibh orra. Feumaidh £25 no cuig pund Sasgannach thar fhichead air a’ chuid as lugha, a bhi aig neach air bith a dh’ iarradh fearruinn fhaotuinn. Rinn e gach nith ordachadh air leithid a’ dhoigh, ’s nach costa aisig gach aon neach gu Marieta, ach naoi pund Sasganach (£9). Agus a thaobh gu bheil rathad mor righ bho Bhaltimore troimh Ohio, tha ’n t-aisig air tir farasda. Tha long fo cheangal agus earlas seoladh bho Ghreenock gu Marieta ’s an Naoi-mhios (Novr.) ma thairgeas 50 a dhol amach air 25 lath de’n ath-mhios (Octr.):—agus bithidh long aige ullamh gu seoladh’s a’ mhios Mhairt, April no Maidh de’n ath-bhliadhain, gu iadsan, d’ am miann, aisig thall. Bithidh Nahum Ward è fèin ri fhaotainn ann an SRIBHLINN (Stirling) ann an tigh Mr Watt, Baker Street, fogus air a’ phost-office gus a’ cheud lath de’n Ochd-mhios, agus ann an DUNEIDIN aig tigh Mrs Hamilton, No. 7 Drummond Street, bho ’n 2 gus an 15 lath de’n Ochd-mhios (2d to the 15th Octr.) agus bho 14 lath de’n Ochd-mhios gus 15 de’n Naoi-mhios (from 17th Oct. to 15th Nov.) ann an GLASGHO anns an Black Bull Inn, far am faicear Cairte us Mapaichean Uachdranachd Ohio, agus far am faigh gach neach fios a ta íartanach a dhol f’a dhidean-sa agus a churam athairail. Tha Sheomair airson fhearruin reic (Land Office) an comhnuidh fosguilte, air son fios an nasguidh a thoirt dhoibh-sa, a tha cuir rompa a dhol a dh’ Ohio. Gheibhear fios m’ a thiomchail fèin bho na Consulaibh Americach ann an Albainn. NAHUM WARD. Ann Sribhlinn, 16 lath de’n t-Seachd-mhios, 1822. Sribhlinn:—Clo-bhuailte le C. Munro & Co.