[TD 1] ORAN DO CHLUAINIDH. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, Ceann-cinnidh nam fiuran duineil, Cha ’n ’eil Gaidheal a ni ’tilleadh Fhad ’s bhios sileag air a grunnd! Tha mi na m’ shuidhe na m’ ònar, ’S air mo sharachadh le foirneart, Fhuair na Sasunnaich fo spoig mi, ’S chuir iad comhdach air mo cheann. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Tha mi ’tòiseachadh ri oran ’Chuir an Gaidhlig ann an ordugh, Bho chuala mi Clann-an Tòisich, ’Deanamh bosda os ’ur cionn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Cha ’n fhaigh mi coire gu bràch do Neach a bhi duineil na ’nadur; Bho’n a tha sibh dlu an càirdeas, Seasaidh sibh air làraich luim. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Ach c’àite am bheil e ann an Alba— Ceann-cinnidh a tha cho ainmeil, Rinn a chuile ni a dhearbhadh ’Dh’earbadh riut air muir ’s air tir? Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Fhuair thu onair anns na blàraibh— Fo do bhrataich gheibhte ’n cairdeas, Chuireadh tu ruaig air an namhaid Le do staillion air a ruinn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Fhuair thu urram mar Cheann-cinnidh, Bo gach dùthaich agus Fine, ’S ann am Baile-cinn na sior’achd, Dhearbh thu duineil a bhi leinn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. [TD 2] ’N uair a theid thu ann a d’ eideadh, ’Dol amach air latha féusda, Cha’n fhaicear a measg nan ceudan Fear do cheum ’s do chalpa cruinn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Brògan biorach—bucail airgid, Osan gearr a’s boineid ghorm ort, Feile-cuaiche ’s breacan balla-bhreac, Claidheamh ’s targaid air do thaobh. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Chuala sinn an Gaidhlig chòmhnard, Oidhche Dhiardaoin Feill-na-clòimhe, A’ bhi’ cur do chliu an ordugh ’S bha sinn proiseil air a cheann; Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Nach robh ceann-cinnidh ’san àite, Ged bu mhor an t-aobhar nair’ e, Labhradh ruinn an cainnt ar màthar, Ach Mac-Mhuirich ard na loinn’. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Gu’n deachaidh tu suas do Lunnuin, S’ gun chuir a Bhan-righ ort cuireadh— Ceann-feadhna nan Gaidheal uil’ thu— Fhuair thu ’n t-urram os an ceann. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Tha thu fhein agus Sir Pàdruig, A’s Sir Coinneach ann an Gearrloch, Ag cur urram air a’ Ghaidhlig O’n si ’n cànan a bh’aig Fionn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Tha sibh an guaillean a’ cheile, Clann nan Gaidheal mar bu bhèus dhuibh— Siol nan Granndach á Strath-Spé A’s Cabar-féidh nach tréig ’san strith. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Chuir sibh onair air a’ Ghaidhlig, ’Si a’s sine measg nan canan, Oir ’s ann leatha thubhairt Adhamh, “Ciamar tha thu?” ris a’ mhnaoi. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. ’S tu Oisean an déigh na Féinne, Dhearbh do shinnsear riabh ’bhi tréubhach, “Freiceadan Dubh” chuir a seal air Anns an Eiphit ’s anns an Fhraing! Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. [TD 3] Cumaibh cuimhn’ air cliu nan gaisgeach Shreip a’ chreag an Giberalter, ’Cur an naimhdean uil’ fo smachd Le iomart ’s casgairtean nan lann. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Chaidh iad a rithisd air sail bhuainn, Le do mhac na ’cheannard àireamh, Chuir nan Ashantees fo smàig, A’s gu mo slan a thig e nall. Olaidh sinn deoch-slainie Chluny, &c. Tha do chinneadh a’s do chairdean— Na tha fhathasd dhiubh a lathair, ’Guidhe gu’n coisinn thu larach, Mar rinn Daibhidh leis an t-sling. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Far an d’araicheadh na Gaisgich ’Choisinn cliù air tùs gach baiteil, ’S iad na feidh tha measg nan glacan ’S luchd nam breacan cha’n ’eil ann; Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Far am biodh na fir a’ mànran, ’Sa’ chloinn-nighean air an àiridh, Gillean òga ris an àiteach, ’San cuid mathraichean a’ sniomh. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Na’m b’ e faobhar airm as tuasaid, Cha d’fhuair Sasunnaich a’ bhuaidh oirnn; Reiceadh sinn air bheagan buannachd, ’S chaidh ar fuadach a’s na glinn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Na’n d’ rinn uachdarain as uaislean, Ri ’n cuid daoine mar roinn Cluainidh, Cha robh ’mfearann ac fo luachair, S Baideanach le tuath a’s ni. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Stadadh iad go ’n tigan aiginn— Marr rinn “Coinneach odhar” sgeula— ’Nuar theid iad ri aghaidh baigneid, Cha tig eoin as feidh ga ’ n dion. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Ach fhuair Bàideanach an t-urram, Air son daoine tréuna, duineil, Dh-éireas suas ri guaillean Chluny, ’Bhuaileas buillean le ’n cuid lann! Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. [TD 4] ’S iomadh duine coir le “làmh-chruidh,” Le ’chaoirich ’s a chrodh laoigh air airidh, A tha ’n diugh an garaid ghrainnde, ’S air an t-sraid a’ dol a dhith, Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. ’N uair tha Cluainidh measg a chairdean, Aig a’ Bhealltuinn ’s an Fhéill-Martuinn, Le chuid tuath a’ paidheadh mail da, ’S pailteas fhagail aig an cloinn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. ’S iomadh maighdionn bhanail, shuairce, Le’n cuid leannan air an guaillean, ’Th’ann am Bàideanach gun ghluasad, ’S sinn’ air fuadach far an fhuinn. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Soiridh slan gu aitreamh Chluainidh— Bho na Bhanrigh gus an truaghan, Fhuair thu beannachd do chuid tuatha, Ceann-uidhe nan sluagh an sith! Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, &c. Dorsan fosgailt’ do na féumaich— Cha do thill iad riamh gun éirig— Cridhe fialaidh, ceann na céille— ’S fhad bho dhearbh thu féin an gniomh. Olaidh sinn deoch slainte Chluny, &c. Gu ma math theid a Bhliadhn’ ur dhut, Le do chairdean uile dluth dhut, ’S na tha fad air falbh ’se m’ urnaigh, Righ nan dul a bhi gan dion Leonin fada air sniomh an t’raine, Aig imisidh cliu an Thineadh as airde, Chuireadh urram air mo chairdean, An toabh a’ b’fhear dhiom a bhi dhibh. N’am biodh fios aca air mo dhoruinn, ’Sma rinn Sasuinich mo lionadh, ’Dheireadh iad fein as Clann Donuill, Thoirt a chomdaich bha mo chinn seid. Olaidh sinn deoch-slainte Chluny, Ceann-cinnidh nam fiuran duineil, Cha ’n ’eil Gaidheal a ni ’tilleadh Fhad ’s bhios sileag air a grunnd! MAIRIDH NIC MHUIRICH. November 1873.