[TD 1] COMUNN DUCHAIL NA H-ALBA An dara Rabhadh Bliadhnail do Luchd Aiteachaidh na Gaeltachd, AIR AITEACHADH CHROITEAN AGUS GHARAIDHEAN. “Gu-dearbh cha robh comunn riamh againn na’s féumaile agus na’s càirdeile na ’n COMUNN DUCHAIL. Tha è dùchail do-rìreadh. Is è so a’ cheart ni ’bha dh-easbhuidh òirnn: agus tha mì ’an dòchas gu’n cur A’ Chléir agus an Sluagh an guaillean ris a chum a rùn fior chliùiteach a chur air aghaidh.”—AN T-URRAMACH, DR M‘LEÒID, GHLASCHO. “Ged tha mì ’creidsinn nach dean ni sam-bith ach toirt an t-soisgeil, dhachaidh, gu-h-éifeachdach a dh-ionnsuidh gach teaghlaich, sonas an t-sluaigh àrdachadh, gidheadh is è mo bharail gu ’m bi an Comunn Dùchail ’na shaighdear tochailte fior fhéumail chum an Soisgeul féin a chur air aghaidh.”—DR CHALMERS. THA mu bhliadhna air dol seachad a-nis o’n chuir an COMUNN DUCHAIL focal a dh-ionnsuidh nan Gaël air eòlas agus obair tuathanais. Fhuaradh na leasanan agus na sanasan, a chàidh thoirt air a’ bhliadhna ’dh-fhalbh, fior thàrbhach agus fior fhéumael do àireamh mhòr de luchd-àiteachaidh na dùcha. Tha na croitearan agus na cosnaich a bha roimhe cleachdta a-mhàin ri aon bhàrr gòrm, eadhon buntàta, a thogail ’s a’ bhliadhna, a-nis a’ togail caochla bărra. Air a’ bhliadhna 1846-7, thogadh caochla seòra an-déigh ’cheile air-son lòin do dhuine ’us do dh-ainmhidh. Tha è ’nis soilleir gu’n soirbhich fàs iomadh bàrr air feadh Gaëltachd na h-àird’-an-ìar nach robhtar a’ gnàthachadh roimhe mar tha neupan, bitis, mangul-ursal, càl, &c. Fàsaidh iad sin le treòrachadh ceart ann an taobh an-Iar na Gaeltachd mar dh’-fhàsas iad ’an àit air-bith eile de Bhreatuinn. Ann an iomadh àit thàtar a’ toirt air aghaidh le mòr bhuannachd, tuathanas a’ chaibe, inneir fhliuch, bearradh gòrm, biadhadh prasaich a-réir mar chaidh sheòladh leis a’ Chomunn; chaidh bàrr tròm lionmhor de fhéur-cuir Eadailteach, de bhuntàta, agus de chàl mòr (drumhead) a thogail anns an aon bhliadhna ás an aon talamh, ach fo ’n t-seann chleachdadh-aiteachaidh, cha ghabhadh togail ach aon diùbh sin. Ann an ionad àraid thug an ceathramh cuid de acair luach leth-cheud pùnnd Sasunnach de bhàrr uaithe ’san aon bhliadhna, fhuaradh fior chinnteas air so. Thàtar a’ faotainn làn mhisneachd air gach làimh gu dol air aghaidh leis an rùn chliùiteach so,—chum staid nan croitearan agus nan cosnach ath-leasachadh, uime sin tha an Comunn Dùchail le mòr dhùrachd a’ tairgse nan seòlaidhean a leanas:— Claiseachadh.—Beag no mòr mar tha agad de dh-fhearann, acraichean, no seathamh-pàirt-deug de dh-acair, is còir dhuit d’ uile sgil a ghnàthachadh, chum a dheanamh torach—saothrachadh air le d’ uile dhìchioll, mar ghàradh càil. Fosgail suas claisean no guitearan ’n ad fhearann, a dh-easbhuidh so, seasaidh agus lòdaichidh an t-uisge ’bu chòir a dhol a mhathachadh an fhùinn agus mar so fuaraichidh, millidh agus grodaidh è freumhan do phlàntana. Ma’s math leat bàrr tàrbhach fhaotainn, féumaidh tu cothram a thoirt do gach plantan air beathachadh a tharruing o’n àile ’s o’n talamh;—no ann am briathraibh eile féumaidh tu comas a thoirt do ’n talamh air do bhàrr a bheathachadh, le biadh freagarrach a thoirt dà.—Nitear so le mathachadh a dh’ fhaodar a roinn ’n a dhà sheòrsa, eadhon, innear theann agus bhog. Innear Theann.—Is còir i so a chruinneachadh gu-cùramach o na beathaichibh ’us o no pòrraibh luibheanach,—duilleagan seargta, criadh loisgte, lusan salach, luath, pòll, feamainn agus gach spruilleach eile. Rachadh na stuthan sin a mheasgachadh ’an ceànn a cheile, an cumail o chaitheamh, le an còdaich thairis, chum an dion, cho math agus a ghabhas deanamh, o ghaoith, o ghréin ’s o uisge,—faodar breath de thalamh tròm a chur thairis orra. Innear Bhog.—Is còir ì so a ghleidheadh, rachadh gach dreabhas air feadh an tighe, uisg a’ bhàich, stuth an tighe dhiomhair a chruinneachadh ann an amar. Faodar amar a dheanamh de bharail air a chur fodha ’s an talamh, no tòll a dheanamh air a chàramh suas air gach taobh le aspalte, clach ’us aol, no criadh. Oibrichidh innear bhog air bàrr aig gach céum de ’fhàs mòran na’s feàrr agus na’s luaithe na innear theann, oir gabhaidh an innear theann ùin fhada mu’n dearg an ùir oirre chum na freumhan òga ’bheathachadh. Cladhach, (trenching.)—Tha cladhach leis a’ chaibe mòran na’s féumaile do’n talamh na cladhach a’ chrùinn, agus gach mìr nach do chladhaicheadh fathast gu ’ìochdar leis a’ chrànn no leis a’ chaibe, is còir a dhol fodha ànn cho foda agus a gheibhear talamh maith—abair dhà no tri bhéuman air doimhne. Faodar cladhach no ruadharadh dà bhéum no da spaid air doimhne ’dheanamh mar a leanas:—Tog béum de ’n talamh, a ruith o thaobh gu taobh aig ceann uachdarach a’ mhìr thalamhainn a tha thu dol a chladhach agus giùlain leat è ann am barradh gu ceànn eile an iomair, a lionadh na claise, a nìtear aig a’ cheànn ìochdarach. An-deigh dhuit so a dheanamh, thoir béum eile às an taobh uachdarach agus cùidhlig sìos è mar chaidh shéoladh cheana. Tha ’nis clais, dà bhéum air leud agus aon air doimhne ann an taobh urrad a’ mhìr air am beil thu ag obair, agus faodar a riochdachadh mar so [diagram]. A’ seasamh anns a’ chlais agus taobh a’ mhìr air am beil thu ag obair, air do làimh dheis, tog àireamh 3 agus tilg sios é o cheànn gu ceann air an dòigh ghnàthaichte. An-sin, tòisich air àireamh 4, agus tog a-mach è a-lìon spaid ’us spaid, ’ga chur air àireamh 3. Bheir so àireamh 3 dh-ionnsuidh chòmhnuird (level) agus faodar ’fheuchainn mar-so [diagram]. A’ tòiseachadh a-rìst aig taobh urrad a’ mhìr, tionndaidhear àireamh 5, an ùir uachdarach, thairis do’n chlais ás an tugar àireamh 4, agus an uair a chrìochnaichear an t-sreath sin, tionndaidhear àireamh 6, béum na h-ùir ìochdaraich, thairis air uachdar àireimh 5, agus lionaidh e suas an t-àit ’s an robh àireamh 2. Faodar an cladhach so a thoirt air aghaidh le aon neach no le dithis. Tionndaidheadh A.B. beagan air thoiseach air an fhear eile àireamh 3 leanadh a chòmpanach C.D. è, a’ tilgeadh àireimh 4 air àireamh 3 [diagram]. Tha A.B. fathast air thoiseach, an-sin, a’ cur àireimh 5 thairis do àit àireimh 4. Tha C.D. a’ tighinn, agus a’ cur àireimh 6 air àireamh 5. Nìtear cladhach thri bhéuman air doimhne air an dòigh chéudna, ach an so féumar trì chéuman air leud agus dhà air doimhne a thoirt às an taobh uachdarach an àm tòiseachaidh. ’S an taobh deas gu h-àraid mu Lunnuinn thàtar a’ gnàthachadh spaidean leathann domhainn air-son na h-oibre so, agus leò sin thathas ag oibreachadh an fhearainn gu-co-lionta agus an-lòrg sin, a’ faotainn deagh thoradh ás. Do-bhrìgh gu’m beil an t-uisg, gu-tric, a’ sìolaidh sios brìghmhorachd an fhùinn gu ’ìochdar, is còir an ùir ìochdarach a chladhach suas, chum agus gu’n ruig freumhan nam planntan air brigh na talamhainn. Tha forc no gobhlag gu-tric fior fhreagarrach air-son na h-ùire ìochdaraich a thogail suas. An-déigh do dhuine am béum uachdarach a thionndaidh leis an spaid, faodaidh balachan mic an ùir ìochdarach a bhriseadh suas le forc. Mar bi croitear no gàradair an achaidh comasach air a thalamh uile ’ruadharadh dhà no trì bhéuman air doimhne air aon séasan, cùimhnìcheadh è bàrr no luibhean fad-fhreumhach mar tha, currana, bìtis, mangul-ursal, currana geala, agus currana Belgianach, a chuir anns an talamh a’s doimhne ’chaidh chladhach. Air dhuit do thalamh a dheagh chlaiseachadh, ’innearachadh agus a chladhach, is è an ath nì féumail a tha agad ri thoirt fainear, do bhàrr a shuidheachadh air an àm cheart agus oidhirpeachadh ri barr an-déigh bàrr a thoirt ás an aon talamh ’s an aon bhliadhna. Gabhaidh so deanamh gu-cothramach le aire thoirt do na riaghailtibh a thug sinn dhuit gu h-àraid a thaobh ùine barrachaidh agus cumail suas brìghmhorachd an fhùinn le innearachadh teann, ach na’s ro fhearr le innearachadh bhog. Seòlaidh sìnn so dhuit mar a leanas.— Barrachadh lionmhor, no barr an-deigh barr.—Faodaidh tu dà bhàrr no trì, a thogail air aon mhìr talamhainn air an dòigh so:—Beachdaich gu tràthail air staid fhabharaich na h-aimsir agus suidhich buntàta luatharach de sheòrsa sam-bith ann an àite freagarrach. Gabh siol-cuir de bhuntàta beag gun aon dhiùbh a ghearradh idir, cuir gu-math fada fodha ’san ùir iad, còmhdaich thairis iad le luath, raineach no stuth freagarrach eile chum an gleidheadh o reothadh a’ gheamhraidh. Suidhich ìad ’nan sreathaibh dà throidh o’cheile agus aon troidh eadar gach sgoiltean. Cuir dà riadh sheogail eadar gach sreath, agus uisgich an seogal gu-math le innear bhuig, dà uair no tri roimh theachd an Dara-mios (February.) Anns a’ Mhàrt suidhich pònair leis a’ phleadhaig, air gach sreath bhuntàta trì troidhean o ’cheile; no, anns a’ Cheathramh-mios (April) cuir gràine de ’n pheasair Easbuigeich eadar gach sgoiltean buntàta. Mur ’eil bò no muc agad agus gu’n gabh meacana cur gu buannachd dhuit, faodar an cur an àit an t-seogail. Tha sìnn ag earbsadh gu’n do shuidhich thu càl luatharach Uorc, sea òirlich o’cheile ’an talamh deagh-innearaichte ’s an Naodhamh-mìos (September,) bithidh é-sin ullamh air-son ’ath-shuidheachadh ’s a’ Mhàrt, eadar na sreathaibh buntàta; oir buaintear na meacana agus an seogal do ’n bhó agus do’n mhuic roimh dhara seachduin a’ Mhàigh. Suidhichear, uime sin, ’nan aite càl Uorc, mu ’n còir an cal Drumhead a chàidh chur air an Naodhamh-mìos ’ath-shuidheachadh ’sa Mhàigh gu leabaidh eile. Féumar è so, ath-shuidheachadh a-rìst gu-cùramach, air an t-Seathamh-mios (June.,) chum freumhan làidir a thoirt dà, gu bhi air a shuidheachadh a-mach, air a’ char mu-dheireadh, ’s an Ochdamh-mìos (August.) Faodaidh è fàs cho maith ’us ged rachadh a shuidheachadh a-mach ’sa’ Mhàigh. Abair, a-nis, gu’n deachaidh am buntàta ’s an seogal a shuidheachadh air an Deicheamh-mìos (October,) no cho luath ’s a ghabhas deanamh an-déigh sin a’ phònair no ’pheasair ’s a’ Mhàigh, càl luatharach Uorc, mar-an-ceudna ’s a’ Mhàrt bithidh am fear mu-dheireadh ullamh gu féum, air an t-seathamh-mìos agus ma chuirear gu féum tràthail è, cha chuir è amaladh air fàs a’ bhuntàtà. Cho luath agus a thogar slat bhuntata, tog stoc de chàl drumhead ás a leabaidh, gu-cùramach, dean tòll anns an t-sreath ás an tug thu ’m buntàta, agus a’ cumail an stuic chàil suas gu-freagarrach, ’na do làimh suidhich anns an tòll è, tarruing an ùir gu-socrach ri ’fhréumhan gun dad a’ dhinneadh a dheanamh air, dòirt innear bhog air, a neadachadh na h-ùire ri freumhan an stuic. Faodar tuilleadh talamhainn agus bòglaich a chur ris, mar bhios féum aig. Ma chleachdar an seòl so, faodaidh sùil a bhi agad ri bàrr buntàta ’us càil drumhead, gach stoc a’ cothramachadh o dheich gu fichead pùnnd, roimh theachd an Ochdamh-mìos. Faodaidh tu mar-so, le slat eadar gach stoc, 450 a thogail air seathamh-pàirt-deug de dh-acair. Thoir so fainear. An Ionar-nis, tha ’n càl so a’ deanamh 1d. agus 1½d. an stoc. Mar so ma chuirear 6d. air gach ceànn is è luach do mhàrgaid L.1, 17, 6d, o’n bhàrr so. Le leantuinn an t-seòil bhàrrachaidh a chaidh a-nis a chur romhad, faodaidh tu gach seòrsa barra leanas, a thogail air seathamh pairt-deug an acair, an tomhas fearainn a bhàtar roimhe, a’ cur fo bhuntàta leis féin,— 1-d. Bàrr tròm seogail. 2-ra. Bàrr math de chàl luatharach. 3-s. Làn Bhàrr de bhuntàta luatharach. 4.h. Bàrr cuimseach de pheasair no phònair. 5-h. Deagh bhàrr de chál drumhead, agus ma shuidhichear fàrusgagan Ierusalem air an Dara-mìos, ann am meadhon gach sreath sheogail, slat o ’cheil, bithidh agad.— 6-h. Deagh bhàrr fhàrusgag Ierusalem, agus an talamh an òrdugh cho math no na’s feàrr, fo bhrod mathachaidh, agus ceart thuathanas aig ceànn an t-séasan, na bhitheadh è fo aon bhàrr buntàta. Gun innear bhuig cha ghabh an toradh tròm so togail. Is ì an innear so iuchair gàradaireachd agus tuathanais thàrbhaich. Is nì ro fhéumail ath-shuidheachadh tric agus rachadh a dheanadh do-ghnà le innear bhuig. Is còir do ’n Chroitear spot ullachadh air-son Lucerne agus ma ghabhas e faotainn, cuireadh è ros no planntana an fheòir Thusagaich ann an talamh mòintich, gheibh è iad so fior fhéumail ’n an àm féin. Thigeadh do gach neach is urrainn Beurla a léughadh agus a thuigsinn, MIOSACHAN A’ CHOSNAICH, no mar theirear ris ann an càinnt an t-Sasannaich, The Industrial Magazine, fhaotainn. Tha an leabhran so ’tighinn a-mach air gach mios, air da sgillinn. Tha è ’g ìnnseadh uile ghnìomhran a’ Chomuinn agus a’ toirt a’ h-uile seòlaidh a ta féumail chum maith a’ chosnaich a chur air aghaidh. Gheibhear ann an Ionar-nis è. Is còir dhùinn iomradh gu’m beil na croitearan agus na cosnaich a ghabh ar seòlaidhean air a’ bhliadhna so ’chàidh, air mòr bhuannachd fhaotainn uatha, tha iad a-nis a’ togail caochla bàrra an àit bhuntàta. Maille ris na chàidh ainmeachadh cheana, Chomhairlicheamaid dhòibh, currana geala, uinneanan, freumhan bìtis, lìatus, léigisean, néupan ’us pònair, a chur. Mur gabh an lìatus reic, oir fàsaidh è gle bhras, faodar a chur anns na leapaichibh bìtis, uinnean ’us curran, agus an toirt do na mucan agus do na rabaidean mu’n dean iad cron sam bith air na barraibh sin. Mur ’eil è comasach do’n choitear muc a chumail, is còir dhà feuchainn ri rabaidean a thogail. Le boc agus dà rabaid bhoirionn a chumail, oir sìolaichidh ìad gu-dlù, faodaidh è aon a chur anns a’ phoit, dà uair ’san t-seachduin, agus mar-so, eanaraich a bhi air a bhòrd, gach treas là de’n bhliadhna. Tha so anabarrach féumail do mhòran, nach urrainn ruigheachd air làn beòil de dh-fheòil, rè na bhliadhna, agus a ta an-lòrg sin gu-tric a’ fulang droch shlàinte. Pàidhidh innear agus boicnean nan rabaid cosdas an cumail suas. Agus a-nis anns’ cho-dhùnadh guidheamaid soirbheachadh dhùibh fo bheannachd an Uile Chumhachdaich, oir is è, a bheannachd-san a-mhàin, a nì saibhir. Agus tha sinn, le mòr urram, ag iarraidh air muinntear chomasach, bheartach, co-oibreachadh leinn agus còmhnadh a dheanamh rùinn, chum staid a chosnaich ath-leasachadh. COMUNN DÙCHAIL, na h-Alba. Dunedinn, Sraid a’ Phrionnsa, An Ceud-Mios, 1848.