[DA 1] GUTH NA BLIADHNA VOLUME II. 1905. [DA 2] [Bàn] [TD 1] Guth na Bliadhna LEABHAR II.] AN GEAMHRADH, 1905. [AIREAMH 1. THE IRISH (AND SCOTTISH) UNIVERSITY QUESTION [Beurla] [TD 2-12] [Beurla] [TD 13] [Beurla] SEACHD MÒRMHAOIR NA H-ALBA (Air a leantuinn) Bha, uime sin, Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba a tha air an ainmeachadh anns an t-sean dearbh-sgriobhadh a fhuair Sir Francis Palgrave ’nam fir-taoibh aig Brus. Bha Mòr-mhaoir Mhàirr, Athuill, Leamhain agus Fhìofa uile ’nan ughdarras anns a Ghàidhealtachd; agus is ann mar so, bha Mòr-mhaoir Aonghais, Rois, agus Shrath Earainn a bha ’nam fir-taoibh aig Baliol. Cha bhuin Mòr-mhaor Ghallaoibh, no Mòr-mhaor Chataoibh ris a’ chomhstri a rinn Brus, ged a bha iad, mar an ceudna, ’nan ughdarras anns a’ Ghàidhealtachd. Tha e cinnteach mar sin, gu’n d’rinn Sir Francis [TD 14] mearachd anns a’ chuis. A thuilleadh air sin, cha robh Mòr-mhaoir na h-Alba ’nan seachd fir a mhàin. Tha e cinnteach, mar sin, gu’n robh am beachd a bha aig Sir Francis air a bhunadh air an t-sean-sgeul mu Chruithne agus a mhic. Thugamaid fainear a nis an sean-sgeul sin. Is e so bunadh nan Cruithneach a réir an eachdraidhean féin:— “Cruithne mac Cinge, mic Luchtai, mic Parrthalan, mic Agnoinn, mic Buain, mic Mais, mic Fathecht, mic Iapeth, mic Noe. Ise athair Cruithneach, ocus cet bliadhna do irrighe. “Secht meic Cruithneach annso .i. Fib, Fidach Fodla, Fortrend cathach, Cait, Ce, Cirigh. Et Secht randaibh ro roindset in fearand, ut dixit Columcille, “Moirsheiser do Cruithne clainn Raindset Albain i secht raind Cait, Ce, Cirig, cethach clan Fib, Fidach, Fotla, Fortrenn’.” (1) Is e cinnteach gu bheil an t-atharrachadh Eirinnach air an t-sean-sgeul so ag eadar-dhealachadh gu mòr an ni sin a chaidh ainmeachadh mu thràth. Is e mar so:— “A tir Traicia tra tangadar Cruithnigh .i. clanda Gleoin mic Ercoil iad. Aganthirsi a n-anmanda. Seisiur brathar tangadar toiseach .i. Solen, Ulfa, Nechtan, Drostan, Aengus, Letend. Fatha a tiach-tana .i. Policornus ri Traigia do rad gradh do siuir co ro triall a breth gan tocra. Lodar iar sin tar Romanchu co Frangeu et cumtaigit sit cathair ann .i. Pictavis a pictis .i. o n-armtaibh. (2) Ocus do rat (1) Leabhar Baile an Mhota, Leabhar Lecain, agus a’ chuid eile. (2) Ach tha e air a ràdh ’san t-àit’ eile:— “Agantirsi a n-anmann Am rand Erchtbhi O cearptardi a cuctli Adbertar oid Picti”. [TD 15] ri Frange gradh dia shiur Lodar for muir iar n-deg in t-sheiseadh brathar .i. Leiteind. I cind da laa iar n-dul for muir atbath a siur. Gabsat Cruithnigh inbher Slaine in Uibh Ceindselaigh,” (1) etc., etc. Tha ’n t-atharrachadh eile air an t-sean-sgeul so an so. “Do chuaidh o macaib Milead Cruithnechan mac Lochit mac Ingi la Breatnu Foirtren do chathugud fri Saxain, ocus ro chosain tir doib Cruithentuaith ocus anais fen aco. Acht ni badar mna leo ar bebais bandthrocht Alban. Do luid iarum Cruithnechan for culu do cum mac Miled, ocus ro gab neam, ocus talam, ocus grian, ocus esca, drucht ocus daithi, muir ocus tir ba do maithriu flaith forro co brath, ocus do bert da mna dec forcraidi badar oc macaib Milead aro bate a fir is in fairrge tiar ar aen re Donn conad do fearaib h-Erind flaith for Cruithnib o sin dogres.” (2) Tha ’n t-atharrachadh Breatunnach air an t-sean-sgeul so mar a tha e air a sgrìobhadh ’s na leabhraichean a bhuineas do Eirinn, ged a bha na Breatunnach a’ tagradh gu’n d’thàinig na Cruithnich à Sythia. Thàinig Ruairidh Rìgh nan Cruithneach à Sythia le cabhlach dh’ionnsuidh Alba, agus thug e ’mach a’ bhuaidh; ach a réir an t-sean-sgeul so, fhuair na Cruithnich am mnathan o mhuinntir na h-Eirinn, do bhrigh nach b’àill le na Breatannaich am mnathan féin a thoirt seachad do choigrich ’s do Ghoill. Tha so a’ cur an céill, gu dearbh, gu’n robh linn ann an Eirinn an uair a bha athaireachd neo-chinnteach. Thug sean mhuinntir na h-Eirinn gu minic ainmeannan a bha air am mnathan d’an clann féin, àbhaist a tha air a chuir an céill gu soilleir le ainmeannan mar so—Mac Cula, Mac (1) Leabhar Baile an Mhota, Leabhar Lecain. (2) Leabhar Lecain. [TD 16] Lémna, agus mòran eile. Tha Mac ’Ill Fhinnin (1) ag innseadh beul-aithris a bha aig na sean Ghreugaich, agus tha i ag ràdh, gu’n d’thug iad roimh linn Checrops (ma tha an eachdraidhean féin gu bhi air an creidsinn), ainmeannan a bha aig am mnathan do’n clann-san. A thuilleadh air sin, is e roinneadh an fhearainn an cleachdadh a’s cumanta anns na sean-sgeul so. Roinn Amargin Glummar mac Mhilidh, Eirinn eadar mic Mhilidh; agus thug e a’ chuid sin dheth a bha fo’n talamh do Thuatha de Danan, agus thug e a’ chuid sin dheth a bha os cionn na talamhainn d’a chlann féin. Dh’fhalbh na Tuatha de Danan an déigh sin “chum nam beann agus anns na h-ionadan-sithe” na h-Eirinn, los gu’m labhair iad ri sithe fo’n talamh gu bràth tuille. Cha ’n ’eil an sean-sgeul so gu bhith air a bheachd-smuaineachadh ach mar sgeulachd a mhàin. Ghabh ar sinnsearan déigh ro mhòr air an àireamh seachd—“an àireamh dhìomhair”—anns an sgeulachd agus anns an sean eachdraidhean-sa:— “Cruithnigh ros gabhsad (Alba) iarrtain Iar tliachtain a h-Eareann-mhuigh X righ tri fichit righ ran Gabhsad diobh an Cruithean-chlar”. B’urrain domh mòran iomadh eisempleir a thoirt seachad chum a’ bhaigh a bha aig ar sinnsearan ris an àireamh so a’ dhearbhadh. Anns an t-sean-sgeul ris an abrar “Do Cruithneachaibh Incipit,” tha sinn a’ leughadh gur e “Cremhthand, ri Laighen,” a bha ’cur fàilte is furan air na Cruithnich, agus esan ag earbsa gu’n tilgeadh iad a naimhdean a mach à Eirinn. Tha e air a ràdh gu’n d’fhuiling Eirinn seachd bristidhean-a-stigh gu léir, ’s e sin le Caesar, Partholan, Nemhidh, na Fir-bholg, na (1) Studies in Ancient History, tt. 101-1171 agus 176. [TD 17] Tuatha de Danan, etc. Cuimhnichibh, cuideachd, seachd bà bhàna, a bha air am faicinn le Sioda, nighean Fhlainn. (1) A rìs, nach robh ann Seachd Fir-cadail na h-Ephesius, mu’m bheil e sgrìobhte le Aonghas Céile Dé? “Taimne morfessiur cenéc I…bliadan nibrec Dorsat Ri Gréine folii Tal inúaim sléibe Telíi Asecht nanmand mardacloss Maximianus, Malcos Constantius Martius Marcianus Dionisius Serápen Iohannes oll Ainm dessi díb cenimroll”. Agus tha’m bàrd Eirinneach d’am b’ainm Mac Lochain, a fhuair bàs anns a’ bhliadhna 1024, air a ràdh mar so mu Eirinn:— “Seachd àrd-rìghrean do Eirinn nan cala”. Tha e coslach, gu dearbh, gu’n robh bàigh ris an aireamh so air a bhonntachadh air mheas a thaobh nan Sgriobtuir Naomha. Tha ’n “àireamh dhìomhair” air a h-ainmeachadh gu minic anns a’ Bhiobull; agus am measg nan sean-sgeulan a bhuineas do mhuinntir na h-Asia, tha mòran de sgeulachdan agus de bheul aithris anns am bheil e. Sgrìobh Naomh Eoin, “chunnaic mi uile-bheist a’ teachd a nuas as a’ mhuir, aig an robh seachd cinn agus deich adhaircean,” etc. Agus chunnaic e a rìs “’na laimh dheis-san, a shuidh air a’ chathair, leabhar air a sgrìobhadh a mach ’sa stigh, agus air a sheuladh le seachd seulan”. “Agus an déigh sin coimhead mi, agus seall, dh’fhosgladh teampull paillion an teisteanais air neamh; agus thàinig na seachd ainglean a mach as an teampull, aig an (1) Càth Mhuighe Lèana. [TD 18] robh na seachd plaighean, agus iad air an eideadh le anart glàn agus geal, agus crìoslaichte mu’n uchd le crìosan òir,” etc. Tha na mic a bha aig Cruithne air an ainmeachadh anns na h-eachdraidhean a’s fearr againn mar so: Cait, Ce, Cirig, Fib Fidach, Fotla, Fortrenn, seachd mic gu léir. Is e Cait, Gallaobh; is e Ce, Marr; is e Cirig, Magh-Chircinn (dùthaich ris an abrar Moern aig an là an diugh); is e Fib, Fiofa; is e Fidach, Moiridh; is e Fotla, Athull; agus is e Fortrenn, Menteith. So againn ma tà “Seachd Roinnean na h-Alba,” ise sin “Seachd Mòr-mhaòrachd na h-Alba” a réir an Ollaimh Scene agus mòran eile; agus tha mi ’dol a dhearbhadh a nis nach ’eil an sean-sgeul sin gu bhi air a’ bheachd-smuaineachadh ach ’na fhaoin-sgeul a mhàin. Roimh ’n deicheamh linn, thug na Romanaich “Britannia” mar ainm air an dùthaich ris an abrar “Alba” an diugh. Thug iad, cuideachd, “Scotia” mar ainm air an dùthaich ris an abrar “Eirinn” aig an là an diugh. Dh’athanaich Alba gu mòr ’na criochan aice o linn gu linn; ach ma tha ’n sean-sgeul a thaobh Chruithne agus a mhic gu bhith air fheuchainn leinn, tha e ro chinnteach gu bheil feum againn a bhith ’ga fheuchainn air solus shealbh-ghlacadh na h-Alba le Cruithne agus a mhic. Is còir dhuinn, uime sin, a’ bhith a’ beachd-smuaineachadh air—an sean-sgeul air an d’thug Sir Francis Palgrave agus mòran eile am beachd-san mu “Sheachd Mòr-mhaoir na h-Alba—ann an solus roinn na h-Alba ’nuair a bha e fo chumhachd nan Cruithneach, is e sin roimh shealbh-ghlacadh Earra-ghàidheal le Gàidheal na h-Eirinn. A nis, tha eachdraidhean a’s traithe againn ag innseadh dhuinn gu’n robh Alba air fad fo chumhachd nan Cruithneach aig an àm ud, [TD 19] is e sin Alba uile ach dùthaich bheag faisg air Dun Bhreatuinn, a bhuineas do na Breatunnaich. Tha e ro dhuilich a nis a’ chur an céill gu ceart criochan na rioghachd aig àm cho fad air ais; ach a réir an t-sean-sgeul so mu Cruithne agus a mhic, bha iad mar so. Gallaobh Marr Moern (Magh-Chircinn) Moiridh Athull Menteith Fiofa seachd roinnean gu léir. Gun teagamh, b’iad so uile roinnean na h-Alba a bhuineadh do na Cruithnich aig an àm ud, ged a bha an tiolpadair anns an Edinburgh Review ag ràdh nach robh riamh Mòr-mhaor Mhoerne ann an Alba. Nach e Maol-peadar, Mòr-mhaor Mhoerne a mharbh Donnachadh Mac Dhomhnuill, Rìgh na h-Alba, mar a tha an t-eachdraiche ag ràdh? “Douenald mac Dunchath prius regnavit 7 mensibus, et postea expulsus est a regno, et tunc Dunckach mac Malcolmi 6 mensibus regnauit et interfectus est a Malpedir mac Loren comite de Meorne.” (1) Tha an eachdraidh a’s tràithe againn a thaobh “Sheachd Roinnean na h-Alba” le Giraldus Cambrensis. Sgrìobh e anns a’ bhliadhna 1180; agus thug e De Situ Albannice mar ainm air. Tha e air a ràdh ann gur e “aqua optima que Scotticé vocata est” a tha a’ cur dealachaidh eadar “Regna Scottorum et Anglorum”; agus thubhairt e “haec verra terra septem fratribus divisa fuit antiquitus in sep-tem partes, quarum pars principalis est Enegus cum Moerne, ab Enegus primogenito fratrum sic (1) Annals of the Picts and Scots. [TD 20] nominata. Secunda autem pars est Adtheodle et Gouerin; pars etiam tertia est Strathdeern cum Menteted; quarta pars partuim est Fife cum Fothreve; quinta vero pars est Marr cum Buchen; sexta autem est Murreff et Ros; septima enim pars est Cathanesia citra montem et ultra montem, quia mons Mound dividit Cathanesiam per medium”. Chuir e mach, an déigh sin, dealbh eile ’thaobh “Seachd Roinnean na h-Alba”. Thubhairt e gu’n d’fhuair e e o’n Easbuig Aindrea, a bha ’na Easbuig ann an Gallaobh. Is e mar so. “Plurimum regnum fuit (sicut mihi versus relator retulit, Andreas videlicet, vir venerabilis Katanensis Episcopus nacione Scottus et Dunfermlii Monachus) ab illa aqua optima quae Scotticé vocata est Forth, Britannice, Werid, Romane vero Scotte-Wattre, i.e., aqua Scottorum, quae regna Scottorum et Anglorum dividit, et currit juxta oppidum de Strivelin, usque ad flumen aliud nobile quod vocata est Tae. “Secundum regnum ad Hilef, sicut mare circuit usque ad montem aquilonali plaga de Strivelin qui vocatur Athrin. “Tertium regnum ad Hilef usque ad De; quartum regnum ex De usque ad magnum et mirabile flumen quod vocatur Spe, majorem et meliorem totius Scotiæ. “Quintum regnum fuit Muref et Ros. Septimum Regnum fuit Arregaithel.” A nis ma tha sinn a dol a dheanamh coimeas eadar an t-aon chlàr-ainm agus am fear eile, chi sinn gu solleir gu bheil sia as an t-seachd roinnean a tha air an ainmeachadh ann, direach mar a tha iad nan dithis. Tha a’ cheud dhùthaich a co-fhreagradh ri Fiofa agus Fortrenn. Tha ’n dara dùthaich a’ co-fhreagradh ri Aonghas agus Moern. [TD 21] Tha ’n ceathramh dùthaich a’ co-fhreagradh ri Marr agus Buchan. Tha ’n cuigeadh dùthaich a’ co-fhreagradh ri Athull. Tha ’n sìathamh dùthaich a’ co-fhreagradh ri Moiridh agus Ros. Anns a’ cheud chlàr-ainm is e Gallaobh a tha ’na sheachdamh dùthaich; ach anns an dara clàr-ainm is e Earra-ghàidheal a tha na sheachdamh dùthaich. Tha e cinnteach, a réir an Ollaimh Scene, nach d’ eirich na mi-chordaidhean so a suas o mhearachd sam bith anns an dà eachdraidh anns am bheil iad. Bha ’n t-Ollamh Scene am beachd gu bheil an dà chlàr-ainm so a’ ciallachadh “Roinn Alba” aig dà linn air leth. Tha e neo-chomasach am mi-chordadh a’ dheanamh so-thuigsinn an dòigh sam bith eile; oir cha ’n urrainn duinn fagail-a-mach Earra-ghàidheal no Ghallaobh a’ shoillseachadh ach ’san dòigh so. Tha’n diubhras so (ars’ esan) a’ cur an céill gu soilleir an dà linn air leth da’m buin iad. “Tha a cheud chlàr-ainm a’ fagail-a-mach Earra-ghàidheal: tha’n dàra clàr-ainm a’ gabhail beachd air Earra-ghàidheal, ach tha e a’ fagail a mach Gallaobh. Rinn an naothamh ceud linn na caochlaidhean sin ann an Alba a chuir soilleireachadh air an diubhras so. Chuir a’ bhuaidh Ghàidhealach anns a’ bhliadhna 843, Dail Riada ri Alba; agus mu dheireadh na linne sin, thuit Gallaobh fo smachd nan Loch Lannaich. Tha ’n dara clàr-ainm, uime sin, a’ nochadh gu soilleir nan roinnean a bha aig Rìgh na h-Alba an déigh an naothamh ceud linn. Tha a’ cheud chlàr-ainm a’ deanamh deilbh a thaobh rioghachd nan Cruithneach a tha ceart cho firinneach ris an fhear eile, agus tha e roimh a’ bhuaidh a thug Gàidheil na h-Eirinn air an Earra-ghàidheal. Tha na Seachd Roinnean air a’ cheud chlàr-ainm a’ nochdadh gu soilleir seilbhean nan Cruithneach. Is i a’ chuid a tha air a’ fagail-a-mach gu ceart a [TD 22] chuid sin a bha aig na Dail Riadanaich. Agus tha so ro chudthromach, oir tha e a’ dearbhadh gu’n robh pairteachadh air Na Seachd Roinnean “dualach” do na Chruithneachd agus gu’n robh e aig bun rioghachd na h-Alba”. (1) Tha Giraldus ag ràdh gu’n robh beul aithris ann, bha ag innseadh gu’n d’eirich na Seachd Roinnean air lorg pairteachaidh na h-Alba le seachd braithrean. Tha na seachd braithrean so a’ co-fhreagradh ri seachd mic Cruithne, athair nan Cruithneach a tha air an ainmeachadh anns an earrain a leanas. “Cruidne filius Cinge, pater Pictorum habitantium in hac insula, C. annis regnavit; vii filios habuit. Hæc sunt nomina eorum; Fiv, Fidach, Floclaid, Fortreim, Got, Ce, Circui.” An uair a thug Giraldus seachad a’ cheud chlàr-ainm a thaobh “Seachd Roinnean na h-Alba,” tha e ag ràdh “Inde est ut hi septem fratres prædicti pro septem regibus habebantur: septem regulos sub se habentes. Isti septem fratres regnum Albaniæ in septem regna diviserunt, et unusquisque in tempore suo in suo regnavit.” Bha, uime sin Seachd “Reges” ann an Alba a bhuineas do na Cruithnich a réir beul-aithris; agus fo’n uachdranachd aca, bha seachd “reguli” no righrean beaga. So againn, uime sin, “Seachd Roinnean na h-Alba,” a réir Giraldus, maille ri Seachd Roinnean a bha fo uachdranachd dhoibh. Athuill Gabharaidh Aonghas Magh-Chirchinn, no Moern Srath Earainn Menteith (1) The Highlanders of Scotland, le Scene t. 159. [TD 23] Marr Buchan Fiofa Fothreve Moiridh Ros Gallaobh “Citra montem et ultra montem” CIARAN MAC CHIARAIN. (Ri leantuinn.) POLAND’S STRUGGLE FOR EXISTENCE [Beurla] [TD 24-38] [Beurla] [TD 39] [Beurla] CERVANTES Rugadh Don Miguel de Cervantes Saavedra ann an Alcala de Henares, baile ann an Spàinn, anns a’ bhliadhna 1547. Bha ’athair ’na dhuin’-uasal o Ghalicia, agus bhuin a mhàthair dha ’n duthaich cheudna. Chaidh Cervantes àrach ann an Salamanca, agus ’na dheigh sin, fhuair e fhoghlum ann am Màdrid fo Lopez de Hoyos, a bha ’na fhear-teagaisg snas-chainnt sgrìobhadh anns an àrd-sgoil aig an àm ud. An uair a bha Cervantes mu dhà-bhliadhn’-air-fhichead a dh’aois, fhuair e àite, car tamhuil, mar ghille-seomair ann an tigh Chardinal Guilio Aquaviva ann an Roimhe. ’Na dhéigh sin a rìs, chuir e, le shaor-thoil féin, e féin fo’n cheannard ainmeil Marco Antonio Colona, a bha ’na àrd-mharaiche air cabhlaich a’ Phàpa anns a’ bhliadhna 1570; agus chog e gu smiorail, misneachail, an aghaidh nan ana-creidmheach. Chaidh a leòn gu trom aig [TD 40] blàr mara Lepanto, ach an déigh sin, bha e breac-bìtheanta na chuireadh ann an camp’ eile. Ghlacadh e le cabhlach a thàinig o Africa, agus rinneadh prìosanach dheth. Ach air dha ’bhith dà bhliadhna am prìosan, leigear fa sgaoil e, anns a’ bhliadhna 1580. Agus air dha ’teachd air ais do’n Spàinn, dh’ath-choinnich e an armailt a chuir an dara Rìgh Philip a mach ’ga thagairt féin o làimh nam Pàganach. Fhuair e cliù, mòr dha féin ann an turus naimhdeil a chuir an Rìgh ceudna an aghaidh nan Azores. Air dha ’teachd air ais a rìs do’n Spàinn, anns a’ bhliadhna 1584, dh’fhàg Cervantes an t-arm, agus chaidh e a leth-taobh, los barrachd cothrom ’fhaotainn air féin-fhoghlum. Anns a’ bhliadhna 1584, chuir e mach ròlaista dùtcha ris an abrar Galatea, agus phòs e anns a’ bhliadhna cheudna. An sin, thoisich e ri sgrìobhadh air buird tighe-cluiche, agus chuir e mach ann am beagan ùine còr agus deich cleasan-cluiche thar fhichead. Am feadh na bliadhna 1588, bha Cervantes a’ gabhail còmhnuidh ann an Seville, ach cha robh e, mo thruaighe! ach glé bhochd. Anns a’ bhliadhna 1605, nochd e e féin a rìs mar sgrìobhadair, agus sgaoil a nis a chliù feadh na Spàinne gu léir. Chaidh a’ cheud earrain do’n leabhair ainmeil d’an ainm Don Quixote a chuir a mach ann am Màdrid; ach cha do thaitinn e ris an t-shluagh an toiseach, ged a bha ’n Roinn Eorp uile ’toirt chliù dha ann an ùine bhig. Ged a dh’fhàs an obair ainmeil so taitneach ris na Spàinntich, cha d’rinn e duine beartach de Chervantes. Ach, bochd agus mar a bha e, thug e a h-uile oidhirp air ’inbhe a leasachadh. Air dha ’bhith ’na thosd fad beagan bhliadhnaichean, [TD 41] chuir e mach a Dha Sgeulachd Ionmholta Dheug (Novelas Exemplares); agus anns a’ bhliadhna 1614, chuir e a rìs a mach a Thurus do Pharnassus (Viaje al Parnaso); agus air an ath bhliadhna chuir e mach ochd cleasan-cluiche nuadha; ach, cha do ghabh an sluagh gu caoimhneil riu idir. Thacair, anns a bhliadhna 1614 gu’n do chuireadh a mach earran-leanmhuinn bhreugach de Don Quixote, le duin’ àraidh d’am b’ainm Alonso Fernandez de Avellaneda, anns an robh mòran de droch-chainnt mu thimchioll Chervantes. Dh’ fhuiling Cervantes gu mòr air taileamh nan tuaileasan neo-onorach so; ach ghabh e a dhioghaltas gu tur air dhòigh ro urramach; oir chuir e mach an fhìor earran-leanmhuinn anns a’ bhliadhna 1615. An deireadh a làithean, fhuair Cervantes caraid d’am b’ainm Conde de Lesmos, agus thug an t-Iarla comhnadh dha, agus ghabh Cervantes còmhnuidh ann am Màdrid. Shiubhail e an sin anns a’ bhliadhna 1616. Air do’n tigh anns an a bh’aig Cervantes ann am Màdrid a’ bhì air a thogail suas ùr anns a’ bhliadhna 1835, chuireadh dealbh-creadha Chervantes leis a’ ghabhaltaiche Don Antonio Solà air beulaobh an tighe, mar chuimhneachan air. Is ann mar sin a bha Cervantes ri bheò, agus is ann mar sin a shiubhail e—duine ro chliùtach fad an t-saoghail uile. Tha mòran sluaigh aig an àm so a’ comh-chruinneachadh ann an Spàinn, agus a’ dol an sin o dhùthaichean eile mar chuimhneachan air a bhàs; agus, fìrinneach, tha e ceart agus fregrach do Ghàidheal na h-Alba agus do Ghàidheal na h-Eirinn maille ris na cinnaich eile a bhì ’ga luaidh le meas agus le cliù. An uair a rugadh Cervantes ann an Spàinn, bha Alba is Eirinn fo dragh mòr air alt, agus [TD 42] gu’n robh fìor ghainnead muladach bhàrda agus eachdraichean unnta air fad uile “fhearainn ghorm nan Gàidheal”. Sgriobh Keating, a bha ’mairean an uair, agus a bha ’ga fhallach, ann an uamh air eagal nan Sasunnach, agus an uair a bha a’ chuid eile dhe na bàrda agus dhe na seannachaidhean Gàidhealach mar chaoiraich gun bhuachaille. Sheinn bàrd neo-ainmichte ann an Eirinn aig an àm mhuladach ud mar so “Ionann dam sliabh a’s saile Eire a’s iarthar Espàine Do chuireas dunta go deas Geata dlùth ris an doilgheas”. Ach, ged a dha Alba agus Eirinn anns a’ gheur-leanmhuinn mhòr aig an àm ud, bha mòran Shagartan na h-Alba agus na h-Eirinn a’ fuiréach air allaban ann an Spàinn. Ghabh muintir fhialaidh, fhiughantach na Spàinne ri clann nan Gàidheal le aoidheach a bha nadurra dhaibh, agus, gun teagamh thug na Gàidheal meas mòr is cliù do Chervantes, agus dha obairean iongantach. Bha oil-thighean na Spàinne lom-làn do mhuinntir na Gàidhealtachd, agus do mhuinntir na h-Eirinn; agus ’nam measg, gun teagamh, bha mòran a bha ’nam bàrda eireachdail, agus a bha ’nan fir-sgrìobhaidh sheolta. Ach ged a bha muinntir na Spàinne agus clann nan Gàidheal cho cairdeil ri chéile, a réir coltais, cha do ghluais obairean Chervantes inntinnean fir-sgrìobhaidh nan Gàidheal. Tha e cinnteach nach ’eil sgrìobhadh againn an diugh is urrainnear a shloinneadh air luchd-molaidh Chervantes. Gu fìrinneach, cha ’n ’eil so cho neonach, an uair a bheir sinn fainear (mar is còir dhuinn), gur e fìor-bheagan de na sgrìobhaidhean a bha air an rinneadh aig an àm ud a thàinig a nuas gus an là diugh. Aig an àm ud agus ré mhòran bhliadhnaichean [TD 43] an déigh sin, lean foghlum na h-Alba agus foghlum na h-Eirinn an dòigh ghnathaichte. Fhuair sinn ar samhlaidhean air son sgrìobhaidh o na Romanaich, agus o na Greugaich. Bha fir-sgrìobhaidh na h-Eirinn, agus na h-Alba air a cumadh a réir nan àrd-sgeulachdan aosda. Bha Togail Throidh, agus sgeulachdan mu thimchioll Alasdair mhòir nan Greugach, agus an Odessidh (Merugud Oiluix) uile ’nan culaidh-sgrìobhaidh aig Gàidheal na h-Eirinn agus na h-Alba. Dh’ullaich na fir-sgrìobhaidh nach do ghabh ri cleachdadh na Romanach agus nan Greugach iad féin air son aobharan sgrìobhaidh a thug a h-aon sam bith a stigh do’n dùthaich so. Ach, ged nach do ghluais Cervantes ar fhoghlum féin, fhuair e, gu dearbh, mòran de fhir-molaidh agus de leughadairean ro thuigseach am measg nan Gàidheal; agus tha e freagarach agus ceart gu’n deanamaid gàirdeachas aig an àm so maille ri muinntir uasal, fhialaidh, na Spàinne. Ach, mo thruaighe! cha ’n ’eil eadar-theangachd againn air Don Quixote anns a’ chainnt bhinn nan Gàidheal. Tha sinn an earbsa, co dhiùbh, gu’m be e ’nar comas a ràdh aig an àm so an àth bhliadhna nach ’eil dìth eadar-theangachd orinne a thaobh na h-obair ainmeil sin. Tha e air a ràdh, gu’n d’rinn a h-aon do Shagairtan na h-Alba Don Quixote a chuir ann an Gàidhlig. Is e so, gu dearbh, an t-àm dha a chuir a mach. Thog Cervantes d’a féin:— —monumentum sere perennius Regalique situ Pyramidum altius Quod non imber edax, non Aquilo impotens Possuit diruere, aut innumerabilis Annorum series, et fuga temporum. [TD 44-54] THE “PUSHFUL” THEORY IN SCOTTISH HISTORY [Beurla] [TD 55] [Beurla] FIONN MAC CUMHAIL AIG sinn-sinnseanar Rìgh Eirinn bho’n chòigeamh glun ’s ann a lionsgair na Fiantaichean. ’S e dithis agus triuir a bha iad a’ faighinn a h-uile bliadhna de dhaoine mòra agus boirionnaich anns an robh sia traidhean. Bhathas ’gam pòsadh sin ri chéile, agus an sliochd a bha ’tighinn bhuapa bha miadachd mhòr mhòr unnta. ’Sann dhiubh so a rinneadh réiseamaid mhòr nam Fiantaichean. ’Sann air son cur as do na Lochlannaich a chaidh an togail an toiseach. Ri ùine fhuair iad iad fhéin cho làidir ’s gun do chuir iad litir gu Rìgh Eirinn nach ruigeadh e leas dùil a bhith aige ri ’n cuideachadh-sa ri ’bheò no ri ’bhàs. Rinn iad Rìgh dhaibh fhéin an sin air Cumhal. ’Se naoi naonan a bh’ann diubh an toiseach, ge b’e air bith am barrachd a bh’ann nuair a rinneadh rìgh de Chumhal. ’Nuair a bha Cumhal ’na rìgh orra, cha robh ’chrìdh’ aig duin’ an tilleadh, ged a bha gu leòir air fheadh an t-saoghail na bu treasa na iad. Chuir Cumhal a mach lagh nach robh duine a dhianadh cron nach sgaradh iad bhuapa. Bha aon fhear an sin, ciod e ’rinn e ach… Rug iad air agus chuir iad… mu ’amhaich, agus dh’fhuaigh iad e air chor ’s nach tugadh duine sam bith as e. Chuir iad air falbh bhuapa buileach e, agus cha chanadh iad facal ris ach Arca Dubh. [TD 56] Chaidh e ’so gu peilis Rìgh Eirinn e fhéin ’sa bhean. Chuir e bràth a stigh thun an rìgh gun robh gnothach beag aige ris. Thàinig an Rìgh a mach agus mhuthaich e dha, agus dh’fhoighneachd e dheth ciod e ’n duine ’bh’ann. Thuirt Arca an sin gu’m b’esan fear dhe na Fiantaichean. “Nach tu,” os an Rìgh, “a chaill do nàire nuair a thàinig thu ’nam aodann an deis do’m shinn-sinnseanair ’ur cur cruinn agus sibh a dhealachadh, bhuam a rithisd, is nach ruig sinn leas dùil a bhith againn cuideachadh fhaighinn bhuaibh.” “’N ta,” os Arca, “’o chionn gur a mise ’bha ’g iarraidh orra thus’ a leantail chuir iad so mu’m amhaich mar thàmailt, ’s chuir iad bhuapa mi. Thàinig mi far’ robh sibh fhéin gus sibh a thoirt dhomh cuideachadh.” “Cha ’n urrainn domhsa cuideachadh a thoirt dhuit, a leithid de dhuine mòr,” os an Rìgh. “Cha ’n iarr mi ach iasgach na h-aibhne,” os Arca, “agus cumaidh mi iasg ribh fhéin air ’ur braiciost.” “Gheibh thu sin agus innis dhomh ciamar a chuirear Cumhal gu bàs,” os an Rìgh. “Cha do thog Cumhal sùil ri gin riamh ach boirionnach ro-bhriagh,” os Arca. “’N ta,” os an rìgh, “’sann agamsa a tha an aon bhoinne fala a’s àille ’tha fo’n ghrein. ’S còir dhuinn litir a chur ’ga ionnsaidh.” Sgriobh Rìgh Eirinn litir an sin gu Cumhal e ’thighinn far an robh e, gu’m faigheadh e maithte na rinn e ’na aghaidh. Dh’fhalbh Cumhal an sin, agus chaidh e do’n pheilis aig Rìgh Eirinn; ’s nuair a ràinig e chuireadh dinneir gu feum dhaibh. Shuidh iad aig bòrd, ’s cha robh Cumhal a’ leagail a shùl bhar nighean Rìgh Eirinn. “Cha chreid mi,” os an rìgh, “nach ’eil thu air gaol a ghabhail air an nighinn.” [TD 57] “An ta,” osa Cumhal, “’s i ’n aon bhoinne fala a’s docha leam a chunnaic mi riamh.” “Ma sa h-i pòs thu fhéin ’s i fhéin ma tu.” Phòs iad an sin agus oidhche na bainnseadh aca chuireadh Arca Dubh ’n aon sèomar riutha ’am falach. Nuair a chunnaic Arca ’sin an t-àm… thug e ’n ceann bhar Chumhail le ’chlaidheamh fhéin Mac-an-luin. Bhuail a bhean a basan. ’Nuair a chunnaic Bran Mac-an-luin aig Arca lean e Mac-an-luin agus Arca. BREITH FHINN DH’FHÀS a bhean trom, ’s chuir an righ a mach achd nam b’e nighean a bhiodh ann gu’m biodh iad coma mu’deighinn, nach togadh i tòrachd a h-athar, ach nam b’e gille ’bhiodh ann gun reachadh a mharbhadh cho luath ’s a thigeadh e ’dh-ionnsuidh an t-saoghail. Ann an ceann nan tri ràidhean thuisleadh ise air leanabh nighinn, agus le toileachadh ’s le toilnntinne ’rinn an righ cha robh duine ’bha mu’n champa nach robh marbh leis an daoraich. A bhean-ghlùin bu ghiorra dhith thuirt i rithe: “Seall ciod e ’th’agam an dràsd?” “Tha agad an dràsd,” os ise, “pàisde gille.” “Eirich thus’,” os i fhéin, “agus falbh leis, agus tog e.” “’N ann,” os ise, “’s mi air mo mhionnachadh nam b’e gille ’bhiodh ann gun reachainn ’ga thoirt suas do’n rìgh gur e gille ’bhiodh ann?” “Falbh thus’ agus tog e; is cho fada ’s is bonnach dhomhs’e ’s bonnach dhuits’ e, na ni eile ’bhios agam ’s leat-sa do chuid dheth ach tog an gille.” [TD 58] Dh’fhalbh a bhanaltram—a bhean-ghlùine ’s thog i leatha ’m pàisde, ’s mach a ghabh i. Bha ’bràthair roimpe ’san rathad, ’se ’na shaor. “Eirich! eirich!” os ise, “cho luath ’sa rugadh tu. Thoir a choill’ ort, is dean bothag dhomhsa, ’s mi air cron a dheanamh air nighean an rìgh.” Dh’eirich esa, is mach a thug e. Thug e ’choill’ air, ’s rinn e bothag dha phiuthair. ’Nuair a ràinig ise ’sin a bhothag bha i ullamh aig a bràthair roimpe. Dh’fhoighneachd e dhith:” Ciod e ’th’agad an sin?” “Cha ’n ’eil ach ni ’thug mi bho nighean an rìgh,” os ise. “O cha ’n e idir. ’Sann a th’ann Mac Chumhail. Thoir dhomhs’e, ’s gu’n cuir mi ’n ceann dheth leis an tuaigh.” “Falbh a stigh,” os ise, “is gearr an sprod ud ’tha ’san fhordoruis m’um bi mo cheannsa ’bualadh ann a’ tighinn a mach no ’dol a stigh.” Chaidh e stigh, agus dh’ìrich ise do’n tobhtaidh (’sann a muigh a bha iad air a chnoc) ’san tuagh aice. Air tighinn a mach a bràthar air an doras, bhuail i faobhar na tuaighe air ann am mullach a chinn, ’s chuir i leth air gach gualainn dhe ceann a bràthar. Chuir i ’sin a mach air an loch e, ’s chaidh i fhéin a stigh, ’s bha i ’cumail a’ ghille air adhart cho math ’sa b’ urra dhith. MAR A THOGHADH FIONN, ’S MAR A BHAISTEADH E Nuair a thàinig an gille sin gu coiseachd, theirig am biadh a thugadh bho thigh an rìgh, agus chaidh bhanaltram thun a bhaile a choimhead màthair a [TD 59] ghille. Fhuair i uiread ’sa b’ urra dhith ’thoirt leatha de bhiadh, agus ’nuair a bha i ’falbh de rinn mialchu a bha’n tigh an Rìgh ach a leantail air fàileadh na feòla. Bhiodh an gill’ aice air fheadh an taighe, ’s bha sguab dhreathann aice ’g eirigh air mu na casan ’ga ionnsachadh ri cruadal. Theirig am biadh a rithist di. Bha i ’dol a dh’ionnsuidh a bhaile a bh’iarraidh millidh; ’s nuair a nochd i ris an dìtreamh far an robh nighean an rìgh, smaointich i gu’n do dh’fhàg i ’mhialchu stigh, ’s gu’n robh ’n gill’ air ich’ aice. Thill i cho luath ’sa b’ urra dhith dhachaidh do’n bhothaig. Bha ’n gille agus ceann a mhialchoin aige ’s an darna làimh agus an druim anns an làimh eile an deaghaidh’ cur a cnàimh na h-amhaich. ’Nuair a chunnaic i an t-euchd a rinn e, ghrad-thill i thun a bhaile, is dh’inns’ i do nighean an rìgh gu’n do chuir an gille an dubh mhialchu a cnàimh na h-amhaich. “Tog thus’ e,” os i fhéin, “is fhad ’sa bhios mise beò cha chaill thus’ air.” Thill i dhachaidh do’n bhothaig. ’Nuair a fhuair an gille e fhéin cho làidir dh’eireadh e air a chaillich leis an sguabaidh ’chor ’s nach d’fhàgadh lèobadh fèola no fala air a casan. Reachadh i ’sin a mach air an loch leis, gus an ruigeadh an t-uisge na ciochan aice ’s greim aic’ air chùl-cinn air ’s air smigid, ’g ionnsachadh snàmh dha. Bheireadh i air chùl-cinn air agus chuireadh i fo’n uisg’ e, ’s dh’ eireadh e ann am miadhoin an locha thall. Chaidh i do’n bhaile a dh’iarraidh tuilleadh bidhe. Bha i ’ga thilleadh, ach cha ghabhadh e tilleadh bhuaipe. ’Nuair a nochd i ’sin ri Colaisde a bh’aig Easbuig ag ionnsachadh sgoilearan bha uair a chluichd aca, ’s bha iad ri snàmh a muigh [TD 60] air an loch. Mach esan le chuid aodaich ’nam measg. Bheireadh e air chùl-cinn air feadhainn diubh’s chuireadh e fo ’n uisg’ iad, ’s bha e ’gam bàthadh mar sin. Co bha ’ga choimhead a muigh romh ’n uinneig ach an t-Easbuig, agus dh’eubh e ’sin “Co leis an gille mùgach fionn a tha ’bathadh mo chuid sgoilearan?” “Taing do’n àgh” os a’ chailleach, “fhuair mi baisteadh do’n ghille, ’s tha ’dhiol uisge timchioll air.” “O fhuair,” os an t-Easbuig, “Fionn Mac Cumhail.” Cha robh ach chuireadh saighdear bonn ri bonn timchioll an locha gus a mharbhadh. ALASDAIR RUADH. REBELLION [Beurla] [TD 61-66] [Beurla] [TD 67] [Beurla] IOBAIRT NA H-AIFRINN THA ’n iobairt, ’s an t-sacramaid so gu bhith ’san Eaglais gu deireadh an t-saoghail, los bàs Chrìosta chur an céill, gus an tig e. Bha i air a bunachadh le Iosa e féin; agus is i gnìomh de dh’aoraidh a’s àirde ’san Eaglais. “’S air dhaibh a bhith ri’n suipeir, ghlac Iosa aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus thug e dha dheisciopuill, agus thubhairt e: ‘Gabhaidh agus ithibh: is e so mo chorpsa’. ’Sa ’glacadh na cailis, thug e taing, agus thug e dhaibh ag ràdh: ‘Olaibh uile dhe so. Oir is i so m’fhuil-se an Tiomnaidh Nuaidh, a dhoirtear air son mòran gu mathanas pheacannan.’” Cha ’n ’eil Iosa ag ràdh ann is e so samhla mo chuirp; ach is e so mo chorp. Cha mhua tha e ’g ràdh, ann an so, no le so, tha mo chorp, ach, gu saor soilleir, is e so mo chorp, briathran gun teagamh tha teagasg pong a’ bhrigh-atharrachaidh. Tha so ’na fhàisneachd air an urram a bheireadh an Eaglais anns gach linn do’n Iobairt Naomh. Sealladh Protastanaich ciod a’ chuid a tha acasan anns na briathran so. A bhàrr air a bhith ’na gnìomh de dh’aoraidh a’s àirde ’san Eaglais, tha ’n Aifrinn a’ cur an céill eachdraidh na Pais. Tha ùrnaighean na h-Aifrinne air an cur ’san ordugh a tha ’freagairt do dh’fhulangas agus do bhàs ar Slànair; oir tha e ro iomchuidh gu’m biodh fios aig gach fear ciod a tha h-uile h-earran de ’n Aifrinn Naoimh ag ciallachadh. [TD 68] ’An àm do ’n t-Sagart dol a dh’ionnsaidh na h-Altrach, tha Iosa a’ dol a stigh do Ghàradh Ghethsemanidh. Tha ’n Altair ag ciallachadh Beinn Chalbharidh, air an do chéusadh le tarcuis Iosa Crìosta, aon Mhac Dhé. Tha ’n Altair cuideachd na ’samhladh air a’ bhòrd de ’n d’ich ar Slànair maille ri ’dheisciobuill a shuipeir dheireannach an oidhche mu’n d’fhuilig e. Is ann air so a tha ’n t-Ostal Pòl a’ bruidhinn, Eabh. xiii. 10, far am beil e ag ràdh, “Tha Altair againn, dhe nach ’eil comas acasan iche a tha ’an seirbhis na pàillin”. An uair a tha ’n Sagart a’ tòiseachadh air an Aifrinn, tha Iosa ri ùrnaigh anns a’ ghàradh. An uair a tha ’n Sagart a’ lùbadh sios agus ag aideach a pheacannan ’an làthair Dhé, agus cùirt fhlathanais, tha Iosa a’ tuiteam air ’aghaidh ’s a’ ghàradh. Tha peacannan an t-saoghail ’nan sac, ’s ’ga chur ann an spàirn cho doruinneach ’s gu’m beil fallus-fala a’ bruchdadh troimh chorp naomh. An uair a tha ’n sagart a’ direadh suas a dh’ionnsaidh na h-Altarach, agus ’ga pògadh, tha Iosa a dol ’an coinnimh a nàimhdean, ’s tha Iùdas ’ga bhrath le pòig. An uair a tha ’n Sagart a’ dol gu oisinn na h-Altarach, ’s a leughadh, tha Criosta air a ghlacail, air a cheangal, ’s air a tharrainn gu Annas. An uair a tha ’n Sagart ag ràdh “Kyrie Eleison,” is e sin, “A Thighearna, dean tròcair oirnn!” tha ’n t-Ostal Peadar an cùirt Chaiphais ag àicheadh Iosa. Aig “Gloria in Excelsis Deo,” tha sin a’ deanamh aoibhneas maille ris na h-ainglean a tha ’làthair gu Iosa a chobhair, agus sòlas a’ toirt dha air son àicheadh Pheadair. An uair a tha ’n Sagart a tionndadh ris an [TD 69] t-sluagh agus ag ràdh “Dominus vobiscum!” sheall Iosa le bàigh air an Ostal Pheadar, agus thug e dha gràsan aithreachas. Aig leughadh na Litreach, tha Iosa, an déis mòran tàire fhulang ann an cùirt Chaiphas air a thoirt ’an lathair Philait. Aig a’ Ghraduel, no’n Tract, tha na h-àrd-shagairt, agus na senairean ag iarraidh fianuise-bréige ’an aghaidh Iosa gus a chur gu bàs; agus an uair a tha ’n Sagart ag ùrnaigh aig miadhon na h-Altarach, tha Crìosta air a thoirt ’an lathair Heroid. Aig leughadh an t-Soisgeul, tha Iosa ’ga chur air ’ais gu Pilat; agus aig a’ Chréud, tha Crìosta a togail testeanais air an fhìrinn air bialaobh Philat. An uair a tha ’n Sagart a’ tairgse suas an arain agus an fhìona, tha Iosa ’ga thairgse féin gu sgiùrsadh, ’s ’fhuil phrìseil ’ga dòrtadh. Aig cuibhrigeadh na cailise, tha crùn dreathain ’ga chur air Iosa; agus an uair a tha ’n Sagart a’ nigheadh a mhiar, tha Pilat ag glanadh a lamhan, ’s ag innseadh gu follaiseach gu’n robh Iosa neo-chiontach. An uair a tha ’n Sagart ’ga chromadh féin aig meadhon na h-Altarach agus a’ léughadh, tha Iosa ’g éisdeachd ris a’ phobull a’ freagairt, “Biodh ’fhuil òirnne, ’s air ar cloinn-ne!” Aig, Orate Fratres, tha Pilat a’ fiachainn Iosa do’n t-sluagh, agus ag éigheach, “Seall an duine!” Aig na Secreta, (1) tha Iosa air a dhiteadh gu bhi air a chéusadh. An uair a tha ’n Sagart a’ léughadh le guth àrd, agus an cléireach a’ seinn a’ chluig, (1) Naomhaich, guidhimid ort, A Thighearna ar Dia, as leth ur gairm air d’ainm naomh, tobhartas na tairgse so; agus as a leth dean sinne féin na ’r toìdhlaic sìorruith dhutsa. Per Dominium Oris tum nostrum.” [TD 70] tha iad a’ cur na croise air guailnean Iosa. An uair a tha ’n Sagart ag ùrnaigh air son na h-Eaglaise le guth ìosal, tha Iosa a’ giulan na croise air a ghuailnean crèuchdach gu Cnoc Chalbharidh, ’an geall air fulangas gus ar sàbhaladh. Aig Memento Domine famulorum, tha ’n Sagart a deanamh ùrnaigh an so air son na feadhnach is math leis a chòmhnadh le ’achanaich, tha Iosa a’ tionndadh mu’n cuairt ris na mnathan, agus ag iarraidh orra, iad a bhi ’gal air an son féin, agus air son an sliochd. An uair a tha ’n Sagart a’ cumail a làmhan os cionn an arain agus an fhìona, tha làmhan is casan Iosa ’gan tairneachadh ris a chrois. An uair a tha ’n Sagart a’ coisrigeadh an arain, agus a’ togail suas na Sàcramaid, tha Iosa air a thogail suas air a chrann-chéusaidh. An uair a tha ’n Sagart a’ coisrigeadh an fhìona, agus a’ togail suas na cailise, los gu’n toir am pobull aoradh do dh’Fhuil phriseil Chrìosta, tha Fuil Chrìosta a’ sruthadh o ’lotan air a’ chrois. Aig Memento Domine, far am beil an Sagart a’ guidhe air son anmannan nan marbhchreideach, tha Iosa ag ùrnaigh air son an t-sluaigh a bha ’ga chéusadh. An uair a tha ’n Sagart a’ bualadh ’uchd, agus ag ràdh, “Nobis quoque peccatoribus,” tha fear de na méirlich a chaidh a chéusadh maille ri Crìosta, a’ tionndadh gu aithreachas. Far am beil an Sagart ag ràdh “Urnaigh an Tighearna,” tha sin a’ ciallachadh nam facal mu dheireadh a labhair Iosa air a’ chrois. Aig Agnus Dei, tha sinn ag ràdh, “Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dean tròcair oirnn!” agus aig Domine non sum dingus, tha sinn ag ràdh, “A Thighearna, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu stigh fo’m fhàrdaich, ach abair am facal a mhàin, ’s bithidh m’ anam sàbhailte”. [TD 71] An uair a tha ’n Sagart ag gabhail Sàcramaid Corp agus Fuil Chrìosta, tha e ag cur an cuimhne dhuinn, gu’n d’thug Iosa suas an deò air a’ chrois, gus ar saoradh o’r peacannan, a réir briathran Phòil, “Cho tric ’s a dh’itheas sibh an t-aran so, ’s a dh’òlas sibh a’ chailis, taisbeanaidh sibh bàs an Tighearna, gus an tig e” (1 Cor. xi. 26). An uair a tha ’n Sagart ag cuibhrigeadh na cailise, tha Corp Chrìosta, ’ga chur anns an uaigh, comhdaichte le lìonanart. An uair a tha ’n Sagart a’ tionndadh ris a’ phobull, agus ag ràdh Dominus vobiscum, tha Iosa ag eiridh o na mairbh, ’s ga ’fhiachainn féin do na deisciobuill. An uair a tha ’n Sagart a’ leughadh ùrnaigh dheireanach na h-Aifrinne, tha Iosa ré dà fhichead làtha ann an cuideachda nan Ostal, agus nan deisciobul eile, ’gan soilleireachadh anns gach nì a thaobh creidimh. An uair a tha ’n Sagart a’ deanamh comharradh na croise air a’ phobull, agus a’ toirt a bheannachd dhaibh, tha Iosa a’ togail suas a làmhan, agus a’ toirt a bheannachd do na deisciobuill agus a dol suas do fhlathanas ’nam fianais. Aig léughadh Soisgeul Naomh Eoin anns am beil mòrachd is diadhachd Iosa Chrìosta gu sònraichte air an dearbhadh, tha ar Tighearna Iosa Crìosta ’na shuidhe gu glòr mhòr air deas làimh an Athar shìorraidh. A nis, tha ’n Altair, ’s gach ball a bhuineas dhi, a’ chulaidh-aifrinn, na modhannan a thathas ag cleachdadh an àm na h-Iobairte, a’ fiachainn dhuinn pàis agus bàs Mhic Dhé. Tha na h-anartan a tha ’còmhdach na h-Altarach ’nan comharradh air an lìonaodach leis an do phaisgeadh column phrìseil Chriosta ’nuair a chuireadh ’san uaigh e. Tha na coinnlean laiste air an Altair a’ cial- [TD 72] lachadh solus a’ chreidimh air a thaisbeineadh do na h-Iùdhaich agus do na Cinnich; agus a’ cur an céill dhuinn dealradh a’ chreidimh ’s nan deagh-bheusan a tha riatanach dhaibhsan a tha ’tairgsinn suas rùin-dhìomhair cho àrd, urramach. Tha ’n crann-céusaidh a’ cur an céill dhuinn na buaidhe a choisinn ar Slànair béannaichte air a bhàs, agus thathas ’ga thogail am meadhon na h-Altarach gus ar cur an cuimhne air pàis is bàs Iosa Chrìosta, cuis air an còir smaoineachadh le dùrachd ’s le cràbhadh cho tric agus a thairgear an Iobairt Naomh so. Tha a’ chailis ’na samhladh air uaigh naoimh ar Tighearna; agus am Paten, air a’ chloich mhòir a charaicheadh gu bial na h-uaghach. Tha ’n t-anart a tha ’n Sagart a’ cur air a cheann, agus a’ ceangal a rithisd mu ’amhaich, a’ ciallachadh a’ bhréid leis an do dhall na h-Iùdhaich Crìosta ar Slànair, ’s iad a’ magadh air, an uair a bha iad ’ga bhualadh air a leithcheann, ’s ag ràdh. “Fàisnich dhuinn, Chrìosta, co e a bhuail thu?” Tha ’n t-éideadh geal a’ ciallachadh an trusgain ghil a chuir Herod air Crìosta, an déigh dha a chur suarach, agus culaidh-mhagaidh a dheanamh dheth. Tha ’n crios, am maniple, ’s an stòl, mar shamhladh air na cùird agus na ceanglaichean a chuir na h-Iùdhaich air Crìosta. Is samhladh an fhalluinn-uachdarach air an trusgan dhearg-ghorm a chuir na saighdearan air Iosa Crìosta; agus tha a’ chrois a th’air a dealbhadh air a cùlaobh ’gar cur an cuimhne air a’ chrois a ghiùlain Crìosta air a ghuaillnean bèannaichte gu Cnoc Chalbharidh. Daithean na Culaidh-Aifrinn an so: is comharradh an Geal air aighir is toil-ìnntinn; agus le sin, ’s e culaidh gheal a fhreagras do’n Nollaig, do Dhiardaoin-deasghabhail, do dh’fhéilltean a bhui- [TD 73] neas do Mhoire, do dh’Ainglean, ’s do Naomh nach ’eil nam Martairean. Tha ’n Dearg ’na shuaicheantas fala is dòruinne; agus air an aobhar sin, tha e ri ’chur suas air féilltean nam Martairean agus nar Ostal, a dh’fhuilig am bàs air son Chrìosta, agus a dhath an trusgan ’am fuil an Uain. Is comharradh an t-Uaine air fàs agus cinneachadh, gus a thoirt dhuinn ri thuigsinn gu’m bu chòir dhuinn a h-uile latha fàs na’s diadhaidh, ’s na’s fhèarr. Tha ’n Dearg-ghorm ’na shuaicheantas air aithreachas, agus mar sin air a chleachdadh an àm na h-Aidbhein agus a’ Charghuis. Is somhladh an Dubh air bròn is mulad, a dh’fhiachainn dhuinn gur e mulad is bròn a nigheas o’n pheacadh sinn. Tha ’n Eaglais a’ cleachdadh an duibh aig na h-Aifrionnan air son nam marbh, a dh’fhiachainn na h-éiginn anns am beil iad (Iul a’ Chriostaidh, tt. 55, 56). Is ann mar so, ann am beagan bhriathran, an Aifrionn air a mineachadh. Bha i air a bunachadh le ’r Tighearna, Iosa criosta a thubhairt, “Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa”. Ach ged is cuimhneachan iad, cha’ ’n ’eil sin an seol air bith dol an aghaidh fuil is feoil Chrìosta a bhith gu fìor a lathair fo riochd na sacramaid, riochd a tha fiachuinn a bhàis. An àite sin, is e so cheart dòigh a dh’àithn’ e féin a leanail, gus a bhàs a chuimhneachadh agus a luidh, le bhith tairgse mar iòbairt, ’s le bhith gabhail ’san t-sacramaid na fala ’sna feola sin leis an deach ar saoradh. Tha ’n Aifrionn a’ cur an céill eachdraidh na Pais: tha ’n Eaglais ’ga deanamh mar chuimhneachan air; agus easan aig a bheil cluasan gu cluinntin, cluinneadh e. IAIN MAC AN ABBA. [TD 74] CELTIC ARTS AND INDUSTRIES: METAL WORK [Beurla] [TD 75-82] [Beurla] [TD 83] [Beurla] AM MARAICH AGUS AN FHAIRGE THA ioghnadh orm A chuain! gu’m biodh tu ’feuchainn ri giùlan a thoirt dhut féin nach buin dhut. Tha thu ’teachd thun a’ chladaich mar gu’m biodh tu miodal ris, agus tha do stuadhan beaga ’comhartaich mar mhesan. Tha do stuadhan beaga camlagach a tha nis coltach ris na camlagan a bhios air cinn nan nigheanan òga, a ruith gu cois na traghad ag atharrais air a chéile. An uair a sheallar ort, cha saoileadh neach sam bìth (cha smaoinicheadh iad gu’m biodh e comasach) gu’m bristeadh tu loingeas, no gu’n reubadh tu maraichean as a chéile le d’fhiaclan geura, geala. Cia fhad, m’aon bheag ghràdhach, o’n a bha do mheoirean fada, caola a’ teamachadh sgòrnain nam maraichean aig an luing ud a chaidh a bhristeadh? So, so, aon ghòrach! cha’n ’eil feum sam bith [TD 84] dhut a bhìth ’feuchainn ris a’ char a thoirt asamsa air an dòigh so. A chuain! tha thu iongantach ’na d’neart, agus ’na d’chumhachd; ach cha ’n ’eil barrachd tlachd agam dhiot mar a tha thu nis na an uair a tha thu air a ’chaochladh de dhòigh. An uair a tha thu ’nad chadal, tha thu ’cur cait ’nam chuimhne. Cha ’n ’eil crònan do stuaghannan dad na’s lugha mealladh na crònan a’ chait, an uair a tha e ’na leith-dhùsgadh. Bheir thu leum asad gu grad as do chadal, agus tu gu h-acrach, borb; agus bidh léir-sgrios uamhasach ’nad dhéigh. Theid do bheucaich suas a dh’ionnsuidh nan speur, agus le cop mu do bheul, le do spuirean an-iochdar leumaidh tu ris na creagan. A chuain! ged a tha mi ’bruidhinn ruit mar so, na sgrios mo long. Tha mi beag agus lag; am feadh ’s a tha thusa cumhachdach agus mòr. Cha ’n fhiach dhut dragh a chur air mo long bheag-sa, an uair a chaidh agad air cabhlach mòr na h-Espàine a sgrios. Cha ’n ’eil agam ris an t-saoghal ach i féin; agus is math a fhreagradh dhutsa fabhar sonraichte a nochdadh dhomhsa. Tha thu na’s neo-sheasmhaiche na boirionnach, agus na’s an-iochdmhoise na cat. Ged a tha fiamh gàire ort, agus tu ’gluasad gu mothar mall, cha mheall thu mise; agus A chuain! cha’n ’eil earbsa sam bith agam ’na do chrònan, agus ’na do ghuth ceòlmhor binn. Tha mi a’ ruith fo d’dhìon, A Mhàthair Naomh Dhé! Na diùlt m’iarrtas an àm mo fhéuma; ach saor mise daonnan bho gach cunnart. ’Oigh glòrmhòr agus bheannaichte! C.C. [TD 85] THE LEAGUE OF ST. COLUMBA [Beurla] [TD 86-93] [Beurla] [TD 94] IMMACULATA [Air a eadar-theangaichte o’n Bheurla le Uilleam Wordsworth chum Gàidhlig.] Mathair gun smal! Agad-sa cridhe tha saor O’n pheacadh a’s lugha. Is beannaicht’ thu a bhean, Am measg nam ban! Is tu ar cuis-uaill-ne; A h-aon chùis-uaill do’r nàdur truaillidh. Ni’s soilleir na’n cop tha thu, air fairge chéin, Ni’s àllidh na’n speur tha thu, aig beul an làth’, Ni’s maisich na’n speur le rosan sgaoilt’ tha thu, A ta ar eadar-ghuidhear ro-naomh a chaoidh. Roimh ’n eàrr-dhubh’s tu th’ann. A neamh gun neul, Tha thu ’teachd a nuas gu talamh an eideadh gorm. O lùb an glùn: Innsibh gu ceart ’ur cliù Sibhse a ta gun mhaitheadh, mar ri Cumachd mòr Anns am bheil macantas—is gach cùis leat-sa, ’Thaobh gaol a ’mhàthar, is fiòr-ghloin òigheil ’Thaobh àrd is ìosal, ’thaobh naomh is saoghalta. MOLUAG. Là a’ghineadh gun Smal 1904. [TD 95-96] [Beurla] [TD 97] Guth na Bliadhna LEABHAR II.] AN T-EARRACH, 1905. [AIREAMH 2. NAOMH COLUM CILLE “THÀINIG Colum Cille gu Alba, air sgàth gaoil Dé; cha ’n ann a chionn gu’n do dh’fhuadaicheadh a Eirinn, e.” Thug sinn na briathran so mar ainm air ar dealbh; agus tha sinn an dòchas gu’m bi iad ro thaitneach d’ar leughadairean. Is oidhearc an smuain duinn gu’n d’thàinig Nh. Colum Cille gu Alba às leth gaoil Dé, agus nach ann a chionn gu’n do fhuadaicheadh e. Cha ’n ’eil e taitneach a bhi ’creidsinn gu’n deachaidh ’fhuadach a Eirinn air lorg dha ’bhi ’gabhail pàirt ann an comh-stri mhi-chliùitich anns an dùthaich sin. Ach, gu sona ’s gu fàbharach, cha ’n ’eil feum againn a bhi ’creidsinn an sgeòil sin. Tha eachdraidhean a’s tràithe againn a tha ag innseadh dhuinn gu’n robh Colum Cille ’n a dhuine ’bha ciùin is sèimh; agus tha iadsan a’s ionnsaichte ann an eachdraidhean, agus a tha beò aig an là an duigh am beachd nach ’eil focal de’n fhaoin-sgeul so mu Cholum Cille fior. Thubhairt Nh. Eunan gu’n d’thàinig Colum Cille gu Alba air sgàth gaoil Dé. Cha d’thubhairt e gu’n do dh’fhuadaicheadh a Eirinn gu Alba e, no gu’n d’thàinig e ann air son ni air bith saor o so a mhàin—’s e sin ri ràdh, chum gu’n searmonaicheadh e an Soisgeul [TD 98] Naomh do mhuinntir na h-Alba. An toiseach, ciod tha Aonghas Céile Dé ag ràdh mu thimchioll Choluim Chille? Tha e ag ràdh ’n a Fhéillire féin gu’n do ghoireadh “Colum” mar ainm air Colum Cille air lorg a treibhireis:— “Colum pro simplicitate eius dictus est”. Agus a rìs, “Ocus ise inColum Cille sin dorat grád dermair do Christ asaaite”. Agus a rìs, “Colam cain cruth cumachtach Drech, derg lethan lainderda Corp geal, clú cen imarba Folt cass, sùil glas chaindelta. Son a gotha Coluim Cille Mòr abinde uas cech cléir Cocend .u.c. déc ceimend Aidbhe remend ead baréill.” Thubhairt Nh. Eunan (Secunda Prefato): Hie anno secundo post Culedrebinde bellum, aetatis vero suae xlii., de Scotia ad Britanniam pro Christo pere-grinari volens, enavigavit. Is ro ghrinn an smuain duinn gu’n d’thàinig Nh. Colum Cille gu Alba air sgàth gaoil Dé a mhàin, agus a chionn gu’n robh sin mar sin, bu mhòr ’fhuighantas, agus b’fhior-ghlan an togradh agus am miann a bha aige. Is priseil an smuain duinn gu’n do d’thugadh thairis fios naomh air sith Dhé gus an dùthaich so le duine’ a bha dheth féin ciùin, agus ann an gaol air sith. Gu dearbh, bha Colum Cille ’n a Naomh da rireadh, agus mar sin, bha ’n naomhachd a bh’aige air socrachadh gu siorruidh; ach ciod e a’s taitneiche na ’bhi ’creid- [TD 99] sinn gu’n d’thàinig e gu Alba air sgàth gaoil Dé a mhàin, an àite a bhi de ’n bharail gu’n thàinig e, no gu’n do dh’fhuadaicheadh e, an so air lorg a’ bhi ’gabhail pàirt ann an comh-stri mhi-chliùitich, agus air a thruailleadh le fuil? Tha sinn a’ deanamh an tuille gàirdeachais ann a bhi ’creidsinn gu’n d’thàinig Nh. Colum Cille gu Alba gun tàir agus gun smal, agus as leth gaoil Dé a mhàin, do bhrigh ’s gur e sin a’ cheart choire a bha feadhainn a’ cur as a lethsan; ni a thàinig mar mhallachd air muinntir na Gàidhealtachd o thoiseach an t-saoghail. Thàinig Colum Cille le naigheachd nèamhaidh air sith; ach, mo thruaighe! cha ’n eisdeadh ris. Tha ar eachdraidh féin ’n a h-eachdraidh dhòrtaidh-fola, de chomh-stri, de streupaig, agus de dh’aimhreite. “Clann nan Gàidheal an guaillibh a chéile!” Ach, mo thruaighe! feuchaibh ciod e rinn an linn, no an t-àm, no an t-àite anns do choimh-lionadh an gnàth-fhocal fiùghantach sin? An uair a bha feum againn air a bhith còrdaidh agus réidh, bha sinn mar chaoraich sgapta, gun bhuaichaille, no mar mhadaidh-alluidh a’ sràcadh agus a’ reubadh a chéile. Bhuanaich sinn ann ar comh-strithean truaghanta agus brònach so, agus ann ar eud-mhorachd shuarach eadhon gu ruig am blàr féin. Bhuidhinn ar naimhdean-ne air ar eas-aontachd air mille blàr; agus uair is uair, thughadh buaidh air na Gàidheil a chionn ’s nach robh e comasach an teagasg furasda so thaobh féin-dhionaidh ionnsachadh dhoibh. Eadhon air an àm so, is mòr an gaol a tha aig cuid againn air cogadh. Tha baoghallan a’ chlaidheimh fathast ’n ar measg-ne; agus ged a tha e ’n a dheagh shaighdear, gidheadh cha ’n urrainn da ’bhith ’n a dheagh Ghàidheal. Tha e ’n [TD 100] a dheagh Ghàidheal gu fior, a tha ’cuimhneachadh teagaisg Naoimh Choluim Chille: cha ’n e esan a tha ’tréigsinn a dhùthcha, agus a’ dol a’ chogadh air son nan Sasunnach. Bithibh faicilleach, uime sin, a thaobh nan daoine sin aig am bheil focail tha caoimhneil, ach aig am bheil gnothach ’tha sgriosail. Ciod iad na daoine sin? Tha iad a mhàin ’n an ceannaird air dà shaighdear dheug, a tha dol a null ’s a nall agus a’ togail shaighdearan. Thubhairt fear dhiubh o chionn ghoirrid. “Tha mi ’cumail suas na Gàidhlig, a chionn gur taitneach leam oran Gàidhlig ’eisdeachd”! An e so uile ’s urrainn do fhear-togail nan saighdear a ràdh mu’n Ghàidhlig? Gun teagamh, is fearr beagan no ’bhith gun ni sam bith, ach, gu dearbh, is olc an ni ’bhith falamh ach beag! Tha ar càinnt féin, ar foghlum, agus ar cinneach tearuinte, ach cha ’n ann do bhrigh ’s gu’m bheil sin dheth féin ’n a ni àraidh, ach do bhrigh ’s gur taitneach le ’r duin’-uasal oran Gàidhlig eisdeachd uairean! An do chumadh deagh aobhar riamh suas air dhòigh cho lag agus cho buileach aineolach? Tha sinn a’ cur sin an teagamh. Gu dearbh, b’aill leinn a bhi ’creidsinn gu bheil na daoine ud ’n an daoine a tha dileas da ’n cinneach féin; ach is e ar barail féin gur ann mar each-spaisdearachd a mhàin a tha iad a’ moladh na Gàidhlig. Biodh sin mar a bhitheas e, cha ’n ’eil sinn an teagamh nach robh am buamasdair mar mhallachd air a’ Ghàidhealtachd anns na làithean a chaidh seachad; agus gur e droch ni gu tur an gaol so air cogadh a chumail a ghnàth air chuimhne, agus a dheanamh mairsinn ’n ar measg. Am feadh is beò sinn, cuiridh sinn gu dian an aghaidh a’ bhuamasdair agus a chairdean, co-dhiu a bhiodh iad ’n an daoine-uaisle le cluasan mòra ri ainmean, [TD 101] no ’n an daoine cumanta a tha fo ughdarras dhoibh. Tha an gnàth-fhocal ag ràdh “claidheamh an làmh amadain, is slachdan an làmh òinnsich”. Cha bhuin sinn an so ris an leth mu dheireadh de ’n ghnàth-fhocal so; ach nach mòr an fhirinn a tha anns a’ cheud chuid! Tha an t-amadain, no am buamasdair leis a’ chlaidheamh ’n a aobhar troiblaid duinn uile aig an àm so. Sgrios an claidheamh sinn féin, agus ar dùthaich; agus chuir e, mar an ceudna, dealachadh eadarainn. Brosnaich righrean agus comhairlich-rioghachd sinn gu cogadh an aghaidh a chéile a chum ’s gu’n coisneadh iad féin ni-èiginn troimh ar n-aimhreite. Gu dearbh, thàinig an claidheamh mar mhallachd air a’ Ghàidhealtachd; agus, gu fior, cha mhòr a bhuannaich sinn leis; oir tha e ag àrach spioraid dhiblidh agus mhi-mhisneachail ann an Gàidheil na h-Alba a thaobh an dùthcha; ach, a dh’aindeoin sin uile, cha ’n ’eil ar càinnt no ar foghlum ni ni ’s fhaide air ais aig an àm so. Ach ciod e ’bhuilich Sasunn oirnne gu’n tarruingeadh sinn an claidheamh as a leth? Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, fhuair na miltean de Ghàidheil na h-Alba bàs air a’ bhlàr, a’ cogadh air son Shasuinn, agus an aghaidh a nàimhdean; ach ciod an duais a fhuair ar dùthaich air sgàth na chaidh gu dith? Nach ’eil e fior, gu dearbh, gu’n d’fhuair sinn an duais ’bu lugha, ged tha e cinnteach agus fiosrach gu’n d’rinn sinn a’ chuid ’bu mhò? Ciod am brosnachadh a tha sinn a faotainn aig an àm so (no ciod e am brosnachadh a fhuair sinn anns na làithean a chaidh seachad) thaobh nan nithe sin a’s ro ionmhainn leinn? Nach ’eil e fior gu’n do leigeadh sinn air di-chuimhne na ’s mò na tha na h-Eirinnich agus na h-Odhailtich? Tha Gàidheil nan dùthchannan [TD 102] sin ’n an daoine tuigseach, oir tha sar-fhios aca ciod e tha iad ag iarraidh, agus, ni’s luaithe no ni’s anmoiche, gheibh siad iad gun amharas. Tha Gàidheil na h-Eirinn agus na h-Odhailt a’ deanamh deagh-ùaill as an càinntean féin, agus ge b’ air bith cho mòr ’s a dh’fheudas am fuath a tha aig na Sasunnaich do na càinntean sin a bhith, cha ’n urrainn doibh bacadh a chur orra, a chionn’s gu bheil Gàidheil nan dùthchannan sin a cur rompa gu’n gléidh iad an cánnain féin a fhuair iad o Dhia. Uime sin, mar tha miann oirnn ar càinnt féin a ghléidheadh, feumaidh sinn a dheanamh mar tha iad a’ deanamh—is e sin ri ràdh, gu bheil feum againn féin mosgladh às ar cadal, agus grad-ghluasad. Is éiginn duinn a bhi beagan ni’s seasmhaiche na tha sinn a nis; gun a bhi cho striochdail do ’n tim ’s a tha sinn a nis; gun a bhi cho gealtach ’s a tha sinn a nis a thaobh nan nithe a tha comharrachadh a mach sluaigh; agus is éiginn duinn a bhi mòran ni’s ealaimhe gu dion ar càinnt, ar beusan, ar cleachdaidhean, an uair a tha iad air am bagradh, no an cunnart “O ionnsuidh dhian ar nàmh” na tha sinn a nis. Ach, thug Nh. Colum Cille fios eile dhuinn, agus leig sinn air dearmad e mar an ceudna. Thubhairt e, gu’n robh feum againn air comh-chòrdadh am measg a chéile, na’n robh miann oirnn soirbheachadh. “Is e aonachd neart,” a réir an t-sean-fhocail; ach ciod tha sinn a’ deanamh aig an là an diugh air chor ’s gu’n cuireamaid an céill an creidimh a tha againn anns na briathran so? Gu dearbh, tha mòran chomuinn Gàidhealach ’n ar measg-ne; ach, mo thruaighe! ’s e beagan diubh is fhiach am brosnachadh, agus is e beagan [TD 103] diubh a tha ’cuideachadh a chéile gus ar càinnt féin a chumail suas. Cha ’n ’eil neart ni ’s mò no aonachd aig a’ chuid eile dhiubh. Eighidh gu leòir “Clann nan Gàidheal an guaillibh a chéile!” cho tric agus cho sgreadach ’s is àill leibh; ach ma dh’iarras sibh rud sam bith deantach dhiubh, gu cinnteach cha ’n fhaigh sibh e le iarraidh. Dearbhach an eud-san thaobh teanga is cinnich, agus aithnichidh sibh gu luath gu bheil mòran iomairt an so mu neoni “Ghineadh iad, us rugadh iad, us thogadh iad, ’us dh’fhàs, Chaidh stràc de ’n t-saoghal orr’ ’S ma dheireadh fhuair iad bàs.” “Am faigh a’ Ghàidhlig bàs?” Tha mòran sluaigh ’n ar measg aig an àm so a tha deas gu leòir gus an t-oran so a sheinn; ach cia meud diubh a tha cho deas gu an làmh a chur ’n an sporain as leth ar càinnt? Gu cinnteach, ma thig ar cànain beò, cha ’n ann troimh na daoine ud a tha ’mairean aig an là an duigh; ach bithidh e (ma mhaireas e anns na làithean a tha ri teachd), d’am beil an fhaisneachd agus teagasg Nh. Colum Cille mar chumhachd beò agus lathaireach: gun teagamh is iadsan na daoine ’tha ’gabhail curaim do’n chuis air dhòigh cho eudmhor, agus is iadsan na daoine ’tha ’deanamh oidhirp air ar cànain a ghléidheadh ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Cuireamaid an cuimhne an fhaisneachd a rinn Nh. Colum Cille e féin mu thimchioll ar dùthcha agus ar càinnt. “I mo chridhe, I mo ghràidh ’An àite guth Mhanach bidh géum bà; Ach mu’n tig an saoghal gu crich Bi’dh I mar a bha.” [TD 104] Mar so thubhairt an duine naomh so, agus, gu dearbh, an uair a rinn e an fhaisneachd ud, labhair e mar neach aig an robh cumhachd, agus cha ’n ann mar bhruadaraiche a mhàin. Is ann mar sin a tha sinn a’ creidsinn a rinneadh i. Uime sin, biodh an fhaisneachd so fa chomhair ar sùilibh a ghnàth. Biodh e ’n ar sùilean-ne mar mhisneachadh, agus mar fhurtachd a ghnàth. Biodh e dhuinn mar chath-ghairm, agus os cionn gach ni mar bhrosnachadh do Ghàidheil na h-Alba, ge b’e air bith creud a tha aca, no ge b’air bith innleachdan-riaghlaidh a tha iad a’ leantuinn. A thuilleadh air sin, cumamaid an cuimhne an t-achmhasan a fhuair na Corintianaich o Nh. Pòl, an uair a tha e ’sgriobhadh da ’n ionnsuidh mar so. “Oir tha eagal orm, an uair a thig mi, nach faigh mi sibh theagamh mar bu mhath leam; agus gu’m faighear mi leibh se mar nach bu mhath leibh; eagal ma dh’fhaoidte connsachadh, farmad, gamhlas, aimhreit, cùlchainnt, cogarsaich, prois, ùpraidean a’ bhith ’n ur measg.” Gu dearbh, tha iad so ’n an briathran sòlaimte, agus is còir dhuinne sinn féin a’ bhith ’g an cumail ’n ar cuimhne. Oir thàinig Nh. Colum Cille gu Alba às leth gaoil Dé, agus cha ’n ann a chionn’s gu’n do dh’fhuadaicheadh a Eirinn e. Bha ’m fios a thug e leis ’n a theachdaireachd sithe. Thàinig e, cha ’n ann mar bhuamasdair, ach mar fhear-deanamh na sithe. Biodh cuimhne againn, uime sin, air na nithe-san a chaoidh. Easan tha ’deanamh tàir, ’s tha a’ gabhail nàire às a chànain, agus às a chinneach féin, cha ’n àiridh e gu’n goirteadh duine dheth: mòran ni’s lugha na sin gu’n goirteadh Gàidheal deth. [TD 105] ST. COLUMBA [Beurla] [TD 106-109] [Beurla] [TD 110] [Beurla] MAR A GHLUAIS “OSSIAN” MHIC MHUIRICH FOGHLUM NA ROINN-EORPA CHUIREADH a mach ann an Lunnain o chionn ghoirrid a’ cheud leabhar do dh’eachdraidh nuadh na h-Eirinn. Tha e air a sgriobhadh leis an Athair F. A. D’Alton. Bithidh an obair so air a toirt gu crich ann an tri leabhraichean gu léir; agus tha e ’tabhairt mòran toil-inntinn duinn a bhi a ’cur failt’ is furain oirre aig an àm so. Cha deach’ aon eachdraidh Eirionnach a sgriobhadh fathast an Gàidhlig no’m Beurla coltach rithe, ach is e ar barail-ne gu bheil mòran de na leabhraichean so neo-fheumail a nis, a chionn gu’m bheil iad sean agus a thaobh an dòigh anns an deachaidh iad a sgriobhadh. Tha Alba gu math air aghart a thaobh nan nithe so, ged nach urrain duinn eachdraiche Albannach a thoirt a mach cho math ach beag ri Ceitinn. [TD 111] Air an làimh eile, cha ’n ’eil eachdraiche Eirionnach cho math ri Robertson, ged a sgriobh am fear mu dheireadh so anns a’ Bheurla. Tha e duilich nach ’eil an t-Athair D’Alton a’ sgriobhadh ’eachdraidh-san na h-Eirinn ann an Gàidhlig, a chionn gu bheil a’ Ghaidhlig aige; ach fàgaidh sinn a leisgeul aige féin. Gu dearbh, tha e aig a shaorsa eachdraidh a sgriobhadh ann an cànain air bith a’s àill leis. Ach, cha d’thàinig sinn a dh’ionnsuidh so a mholadh Chaesair, no a thiodhlaiceadh-sa. Cha ’n ann mar sin a tha an gnothuch a ghabh sinn os làimh aig an àm so; ach is e ’th’againn ri innseadh rud eigin mu thimchioll “Ossian” Mhic Mhùirich, agus a thaobh a ghluasaid a rinn e air foglum na Roinn-Eorpa. A nis, anns an eachdraidh leis an Athair D’Alton, tha beagan aige ri ràdh mu timchioll “Ossian” Mhic Mhùirich. Tha e ’labhairt mu Ossian ann mar an cruth a’s mò ann am foghlum na h-Eirinn. Ars easan, “the impudent claim of MacPherson to make him a Scotchman, and to transfer the exploits of Fin and his Fenians to Caledonia, has long since been rejected. It could not survive the discovery of the forgeries which gave it birth.” Agus ann a bhi ’mineachadh na h-earrain so tha e ag ràdh, “Dr. Johnson’s opinion of Mac Pherson is well known”. A nis, is e ar barail, nach robh feum air bith anns an dòigh labhairt a tha aig an Athair D’Alton mu thimchioll Mhic Mhùirich. Chaidh an connsachadh so seachad o chionn fada, agus cha dean e deagh thùrn do neach sam bith a bhi ’g ùrachadh na stri. Tha fios ro mhath aig na h-uile dhaoine aig an àm so gu’n robh Ossian ’n a bhard Eirionnach, agus, mar sin, gu’n robh a dhòigh bhàrdachd [TD 112] air a toirt a steach do’n dùthaich so o Eirinn. Ach, nach ’eil muinntir na h-Eirinn agus muinntir na h-Alba ’n an aon sliochd? Tha ar foghlum-ne an t-aon ni; agus a chionn gu’n robh Ossian ’n a Ghàidheal, tha e, mar sin, ’n a sheilbh chumanta d’ar siol-ne. Air ar son-ne, cha toigh leinn na buillean ud, a tha cuid againn cho tric a’ deanamh an aghaidh Mhic Mhùirich; agus tha sinn a’ gabhail riu gu dona. Bha Mac Mhùirich ’n a dhuine mòr, agus is mòr agus fhiach e am meas a tha aig Gàidheil na h-Eirinn, ’s aig Gàidheil na h-Alba air. Bha e, gun teagamh, ’n a fhear-deilbh feallsa; agus a thaobh an ni sin, bha e ’n a chrochaire gun fhiù gu léir; ach dona ’s mar a bha e, cha ’n annt an dràsd’ a tha sinn a dol a labhairt mu ’bheusan ach mu ’obair-san. Bha Mac Mhùirich, gun teagamh, ’n a fhear-deilbh feallsa, agus bha ’n eadar-theangachd a chaidh a chur a mach air a dhàin Shasunnaich ’n a sheòrsa de cheilg. Tha gach deagh sgoilear am measg nan Gàidheal air an là an diugh, a dh’aon bharail a thaobh Mhic Mhùirich agus ’obairean-sà, mar tha an t-Ollamh Mac Bheathainn ag ràdh. “It is needless to enter upon the question of the authenticity of Mac Pherson’s “Ossian”. Celtic scholars are agreed that it is all Mac Pherson’s own work, both English and Gaelic. Indeed, the Gaelic was translated from the English, and is for the most part very ungrammatical and unidiomatic. These very faults, showing its extremely modern character, have been always regarded as marks of antiquity. Ordinary Gaelic readers do not understand it at all. The English is better done, because it is the original.” Gidheadh, b’àill leinn a ràdh, ’s an dol seachad, gu bheil cuid de luchd-diùltaidh a tha aig Mac [TD 113] Mhùirich tuille is làn de gheur-rannsachadh air féin, agus air an obair a rinn e. Tha cuid de ’n rannsachadh so ro dhòchasach, ann ar beachd-ne; agus tha cuid eile dhiubh air a thaobh air dòigh tha soilleir gu leòr. Tha na tiolpadairean a’ cur as a leth gu ’n do chuir Mac Mhùirich thar a chéile, air iomadh dòigh, na cuairtean-eachdraidh a bh’air an gabhail a steach leis ’n a dhàin; ach tha e comasach a’ cheart choire sin a chur a leth iomadh sean-sgriobhadh eile, a tha firinneach is ceart. A rìs, tha sinn de ’n bheachd, gu’n robh mòran sean-sgriobhaidhean aig Mac Mhùirich, agus gu’n d’rinn e ’n còrr feuma dhiubh, agus sin ni bu dheònaich na rinn mòran. Tha tuille ’s a’ chòir de shuaipe ’n a dhàin ri iomadh sean-sgriobhadh ’thaobh an deilbh agus am brìgh; agus, mar sin, cha ’n ’eil annta ach innleachd bhreugach a mhàin. Ach, ged a bha Mac Mhùirich ’n a fhear-deilbh feallsa, tha Gàidheal na h-Eirinn agus Gàidheal na h-Alba fo fhiachaibh dha. B’e a’ cheud fhear a rinn an Roinn-Eorp eòlach a thaobh inntinn nan Gàidheal anns na h-amanna deireannach so. Aig an àm ud, an uair a bha Alba is Eirinn fo dhragh mòr mu’n staid agus an suidheachaidh, agus an uair a bha guth nan Gàidheal ach gu beag ’n a thosd, dh’éirich Mac Mhùirich gu h-obann, agus sgaoil e cliù nan Gàidheal air feadh an t-saoghail gu léir, agus le sin a’ buannachadh cliù mòr dha féin. Bha an t-lachd a bh’aig daoine foghluimte beusach annainn féin, agus ann ar sgriobhaidhean air a dùsgadh a nis gu àirde mòr; agus dh’fhas an Gàidheal agus a chainnt, air son a’ cheud uair o cheann ro mhòran bhliadhnaichean, ’n an culaidh-fharmaid do gach neach. Gu dearbh, b’e Mac Mhùirich an ceud fhear a thoisich an gluasad d’an goirear an Celtic Renais- [TD 114] sance aig an là an diugh. Chuir a dhàintean deine ro mhòr ri foghlum nan Gàidheal; agus o sin suas, chaidh sin air adhart gu buadhach, agus le toil Dé, ni sinn sin, agus tuille, anns na bliadhnaichean a tha ri teachd; agus mar sin gu cinnteach tha ni-eiginn àraidh agus priseil againn air Mac Mhùirich, eadhon a thaobh an ni sin féin. Ach cia mar a ghluais “Ossian” Mac Mhùirich foghlum na Roinn Eòrpa? B’e a’ cheud fhear a bhuilich air foghlum na Roinn Eòrpa an t-analachadh-bàrdail sin thaobh bròin a tha ’ruith mar shruth airgid troimh thaobhan oibre Bhyroin agus Chateaubriand, agus mòran eile. Thug Mata Arnold “Titanism” mar ainm air analachadh-bhàrdail so, agus fhuair e ’mach gu’n robh an ceud thoiseachadh aice ann an dànaibh Mhic Mhùirich. “A famous book, thubhairt e, Mac Pherson’s ‘Ossian’ carried in the last (is e sin ri ràdh anns an ochdamh ceud deug) century this vein like a flood of lava through Europe.” Agus ann an àit’ eile, tha e ag ràdh, “make the part of what is forged, modern, tawdry, spurious in the book as large as you please; strip Scotland, if you like, of every feather of borrowed plumes which, on the strength of MacPherson’s ‘Ossian,’ she may have stolen from the vetus et major Scotia, the true home of the Ossianic poetry, Ireland—I make no objection. But there will still be left in the book a residue with the very soul of the Celtic genuis in it, and with the proud distinction of having brought this soul of Celtic genius into contact with the genius of the nations of modern Europe, and enriched all our poetry by it.” Gu dearbh, ruith an inntinn a bha aig “Ossian” Mac Mhùirich troimh ’n Roinn Eòrp mar shruth de lava, eadhon mar a thubhairt an sgriobhadair [TD 115] ainmeil Sasunnach ud. Rinneadh gach dùthaich beartach leatha: ghluaiseadh gach foghlum leatha. Dh’eadar-theangaicheadh a dhàin chum gach càinnt a tha beò ’s an Roinn Eorp aig an là an diugh. Tha eadar-theangachd air “Ossian” ann an cànain nan dachannan so a leanas; an Spàinn, an Fhraing, a’ Ghearmailt, Sasunn, Lochluinn, an Olaind, an Eadailt, an t-Suain, an Odhailt, a’ Ghreig, agus eadhon, tha sinn a’ creidsinn, an teanga nan Tuirceach. A thuilleadh air sin, bu mhòr an gluasad a bha aig Mac Mhùirich air daoine mòr is ainmeil, a bha beò aig an àm ud. Mar tha sar fhios againn, bu mhòr an spéis a bha aig a’ cheud Iompaire Napoleon do dhàin Mhic Mhùirich. Tha e air a ràdh le feadhainn gu’n deach e ’gnath gu cogadh le “Ossian” ’n a phòcaid; agus gu’n do leugh e na dàin an uair a bhiodh e sgith, no trom-inntinneach. Biodh sin mar a bhitheas e, tha e cinnteach gu’n robh spéis mhòr aig Napoleon do’n obair so; agus cha ni beag e, gu dearbh, cliù duine cho mòr agus cho ainmealach a bhi aige. Ghluaiseadh Goethe, mar an ceudna, le sgriobhadair “Ossian”; oir ged a bha am bàrd mòr so ’n a Ghearmailteach an toiseach, agus anns an dara àite ’n a Ghreugach do thaobh ’inntinn, bu mhòr an gluasad a bha aig Mac Mhùirich air. Is mò an gluasad a chuir an Gàidheal air Faust, ach feudaidh e bhith air a chomharrachadh gu furasda ann am mòran eile de na h-oibre a sgriobh Goethe. Mar so, cha ’n urrain do neach sam bith a ràdh gu’n do chaith Mac Mhùirich a bheatha an neo-bhrigh, no gu’n do chuir e seachad i ann an diomhanas gu tur; agus ge b’e air leith cho mòr agus a tha ar gràin dhe’ bheusan, na biodh di-chuimhne againn air ’inntinn, no air ’obair-san. Gu dearbh, saor o [TD 116] gu’n do pheacaich e gu h-anabarrach a thaobh nan nithe sin a sgriobh e, bha e ’n a fhior Ghàidheal, agus neach aig an robh inntinn iongantach; agus thug e onair mhòr d’ar siol-ne air feadh an t-saoghail gu léir. Tha Mac Mhùirich marbh, agus tha ’n deasboireachd a bha mu thimchioll féin, agus a dhàin, mar sin, mar an ceudna; ach tha ’n inntinn a bha aige ’maireann gus an là an diugh; agus air an aobhar sin, is còir dhuinn a bhith ro thaingeil dha. As eugmhais Mhic Mhùirich agus “Ossian”-sa, bhiodh mòran nithe de na chaidh a dheanamh fathast gun deanamh. Uime sin, thugamaid ceartas do’n marbh, agus thugamaid dha de dh’onoir a’ mheud agus a tha ’n ar comas; oir rinn Mac Mhùirich obair mhòr as leth Ghàidheal na h-Alba, agus Ghàidheal na h-Eirinn; agus, gu dearbh, cha teid a chliù air dith. GAELIC EDUCATION [Beurla] [TD 117-126] [Beurla] [TD 127] [Beurla] SEACHD MÒR MHAOIR NA H-ALBA (Air a leantainn) So againn, uime sin, Seachd Roinnean na h-Alba, a réir Giraldus Cambrensis, maille ri Seachd Roinnean a bha fo uachdrannachd dhoibh: Athol Gabharaidh Aonghas Magh-Chirchinn no Moern Srath Eirinn Menteith Marr Buchan Fiofa Fothreve Moiridh Ros Gallaobh Citra montem et Ultra monte Thugamaid fainear, a nis, an clàr-ainm so. Tha e cinnteach gu’n robh na roinnean so uile ’n am mòr-roinnean na h-Alba o chionn fada. Tha Athol, [TD 128] Aonghas, Fortrenn (is a sin Srath Eirinn is Menteith), Marr, Fiofa agus Moiridh air an ainmeachadh gu tric anns na h-eachdraidhean Eirinneach; agus, tha Mor-mhaoir nan roinnean so air an ainmeachadh gu tric, mar an ceudna, anns na leabhraichean ud. Beachdaichidh sinn air na roinnibh uile ann am beagan bhriathran. Cha ’n ’eil dad sam bith thaobh Ghabharaidh anns na h-eachdraidhean Gàidhealach, ged a tha e comasach gu’n robh an leithid sin do roinn ann, an uair a bha Alba an seilbh nan Cruithneach. Tha sàr fhios agam, co dhiu, nach ’eil iomradh air bith air Mor-mhaor Ghabharaidh anns na h-eachdraidhean a bhuineas do na Gàidheil, no anns na h-eachdraidhean a bhuineas do na Sasunnaich. Bha Buchan, gun teagamh, ’n a aon do roinnibh na h-Alba, ged nach ’eil iomradh air, no air a Mhòr-mhaoir anns na h-eachdraidhean a bhuineas do na h-Eirionnaich. Gidheadh, tha fios againn gu’n robh e, a dh’aindeoin sin, ’n a roinn na h-Alba bho Leabhar nan Deur, anns am beil mòran iomradh air, ’s air na Mòr-mhaoir a bha os a chionn. A thaobh Fhorthreve, cha ’n ’eil iomradh air anns na h-eachdraidhean Gàidhealach. Tha e comasach gu’n robh a leithid sin do roinn, agus Mor-mhaor mar an ceudna, ann; ach cha ’n ’eil fios cinnteach sam bith againn umpa. Bha Ros, mar a bha Buchan, gun teagamh ’n a aon de roinnibh na h-Alba, ged a b’e “Iarla” Uilleam a’ cheud Mhòr-mhaor a bha os cionn na dùthcha sin, a tha aithnichte do dh’eachdraidh. Bha an t-Uilleam so ann anns a’ bhliadhna 1153. A nis, ann am bheachd-sa, is e an ni a’s neònaiche a thaobh a’ chlàr-ainm so, a neo-iomlanachd. Cuimhnichidh, guidheam oirbh, nach ’eil d’thubhairt an t-Easbuig Aindrea (a bha ’n a Easbuig an Gal- [TD 129] laobh) gu’n robh Alba air a roinneadh mar sin ’n a làtha-sa, ach gu’n robh e air a roinneadh mar a thubhairt e, còrr agus mile bliadhna roimh sin. Tha Scene ag ràdh, “is urrainn duinn a chur an céill coig as na seachd roinnean”; ach cha ’n urrainn da, no do neach sam bith eile innseadh dhuinn gu pongail an cruth a bha air an dùthaich so ’nuair a bha i air a roinneadh le Cruithne agus a mhic. Anns na làithean sin, bha priomh-mhuinntir na h-Alba ann an làn-seilbhe air an dùthaich so air fad. Bha Earraghàidheal agus na h-Eileannan air an àiteachadh le Gàidheil; agus cha d’thàinig na Pàganaich fhathast o Loch-linne gus an dùthaich so an toir air creich, agus sùil aca criochan ceann tuath na h-Alba a chur fo smachd. Aig an àm ud, bha Alba air fad aig na Gàidheil; agus, mar sin, ma bha an dùthaich so air a roinneadh mar a thubhairt an t-Easbuig Aindrea, na h-eachdraichean agus mòran eile, nach e tha h-anabarrach iongantach gu bheil an sean-sgeul so mu Chruithne agus a mhic ag innseadh dhuinn dad sam bith thaobh Earraghàidheal agus nan Eileannan? Na tha Scene ag ràdh anns an leabhar ris an canar, The Highlanders of Scotland, nach ’eil sin gun teagamh fior? “Tha ’n diubhras so (ars esan, thoiribh fainear gu’m beil e ’labhairt mu’n dà chlàr-ainm a bha air an cur a mach le Giraldus Cambrensis), a’ cur an céill gu solleir an dà linn air leth d’am buin iad. Tha a’ cheud chlàr-ainm a’ fagail a mach Earraghàidheal: tha ’n dara clàr-ainm a’ gabhail beachd air Earraghàidheal, ach tha e ’fagail a mach Gallaobh. Rinn an naothamh ceud linn na caochlaidhean sin ann an Alba a chuir soilleireachadh air an diubhras so. Chuir a’ bhuaidh Ghàidhealach anns a’ bhliadhna 843, Dail Riada ri Alba; agus mu dheireadh na linne sin, thuit [TD 130] Gallaobh fo smachd nan Lochlannaich. Tha ’n dàra clàr-ainm, uime sin, a nochadh gu soilleir nan roinnean a bha aig Righ na h-Alba an déigh an naothamh ceud linn. Tha a’ cheud chlàr-ainm a’ deanamh deilbh a thaobh rioghachd nan Cruithneach a tha ceart cho firinneach ris an fhear eile, agus tha e roimh a’ bhuaidh a thug Gàidheil na h-Eirinn air an Earraghàidheal. Tha na Seachd Roinnean air a’ cheud chlàr-ainm a’ nochdadh gu soilleir seilbhean nan Cruithneach. Is i a’ chuid a tha air a’ fagail a mach gu ceart a’ chuid sin a bha aig na Dail Riadianaich. Agus tha so ro chudthromach; oir tha e ’dearbhadh gu’n robh pairteachadh air na Seachd Roinnean dualach do na Cruithneach, agus gu’n robh e aig bun rioghachd na h-Alba.” Ach, mo thruaighe! air son na tha de fhirinn anns a’ bheachd so (a chur Scene a mach le ’leithid do stri), bhuin pairteachadh na h-Alba, a tha air ainmeachadh anns an t-sean sgeul mu Chruithne agus a mhic, do’n choigeamh linn roimh Chriosd. Ach tha e so-fhaicinn, a nis, gu’m buin an sean sgeul so do’n ochdamh, no do’n naothamh ceud linn; oir cha ’n ’eil e a’ gabhail beachd air Alba, nuair a bha i air fad ann an seilbh nan Cruithneach! So againn ni eile thaobh an t-sean-sgeil so mu Chruithne a tha cur an céill a shuarrachas mar eachdraidh fhirinnich. Cha ’n ’eil an clàr-ainm a chuir Giraldus a mach a’ gabhail beachd air Leamhainn, Mòr-mhaorachd cho mòr agus cho aosda ’s a bh’ann ann an Alba gu léir. A réir O’Flaithbheartaigh, bha a’ Mhòr-mhaorachd so air a cur air cois le mac a bha aig Corc, righ Mhumhan ann an Eirinn; ach ge b’air bith ciod a thubhairt easan, tha e cinnteach gu bheil an àrd-inbhe so glé aosda. Bha i ann, gu cinnteach, [TD 131] an uair a bha Cambrensis a’ sgriobhadh, agus ma tha ’chuis mar sin, carson nach d’rinn e iomradh oirre? Cha d’rinn e sin, réir na h-uile coslais, a chionn ’s nach b’urrainn da suim a’ gabhail dith, agus an sean-sgeul mu Chruithne agus a sheachd mic a chur an céill cuideachd. Cha b’urrainn da an dà sgeulachd a dheanamh réidh ri chéile. Ach ged is maith a dh’fhaodas sinn teagamh ghabhail a thaobh an t-sean-sgeoil so, cha ’n ’eil còir duinn a bhi gabhail ris mar ni nach fiù, mar tha ’n rannsachair anns an Edinburgh Review a’ deanamh. Tha easan a gabhail ris mar ni aig nach ’eil bun sam bith. Tha Bruce no na fir-taice a bh’aige ag ràdh gu soilleir, gu’n robh “les Seet Countes d’Escoce” ann an uair “il avoit guerre entre le Roi de Engleterre et le Roi d’Escoce…que les Seet Countes d’Escoce feussent tenus de serment,” etc., etc. A nis, tha e cinnteach nach robh comas aig Bruce, no aig na fir-taice a bh’aige sgeul bhreug de’n t-seòrsa so a chur a mach. Tha iad a’ labhairt mu thimchioll nan “Seet Countes d’Escoce” air dòigh tha nàdurra gu leòir, agus ge b’e air bith luach a th’air an eachdraidh a sgriobh iad, tha e cinnteach gu’n robh iad a’ labhairt mu rud éiginn air an robh na h-uile fear fiosrach an uair a bha iad a’ labhairt mu thimchioll nan “Seet Countes d’Escoce”. Cha ’n ’eil Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba, no na “Seet Countes d’Escoce” air an cur air chois an uair an connsachadh airson caithir-rioghail na h-Alba a’ dol air aghart, is e sin ri ràdh, air do Bhan-righ na h-Alba bàs fhaotainn an uair a bha i air turas a dh’ionnsuidh na h-Alba. Anns a’ bhliadhna 1250, an uair a bha corp Ban-righ Mhairearaid air a ghluasad as an àite anns an robh e gus an ionad-ciùil aig Dun Phàrlain, [TD 132] tha e air a ràdh gu’n robh an gnothuch sin air a ghabhail os làimh an làthair nan “Septem Episcoporum et Septem Comitum Scotiae”. Anns an ath bliadhna, rinneadh casaid air Dorsair an Righ do bhrigh gu’n d’fheuch e a bhean a chur suas mar bhan-oighre dhligheach agus laghail na rioghachd, agus air an dòigh sin a dheanamh greim air a’ chathair-rioghail i féin. Rinneadh casaid air Rob Dhun Phàrlain aig an àm cheudna a chionn gu’n d’rinn e oidhirp air a’ chomh-run so a chuideachadh. Air an aobhar sin, cha d’thugadh seachad an Seul Mòr do Ghamelin, a bha ’n a mhorair nan Seul a bha ’n a fhear-leantainn dha; ach bha e air a bhriseadh ’n a bhloighdean an làthair nam flàithean a bha an ceann a chéile aig an àm sin; oir chur iad Rob as àite a chionn gu’n d’rinn e droch ghréidheadh air an t-seula. Cha ’n ’eil fhios againn an robh a’ chasaid so air a bunadh gu math, no nach robh; ach na ’n d’fhuair Dorsair an Righ ceartas a mhna air agradh, ’s e an ath cheum a ghabhadh e a bhi a’ cur air aghart na còrach a bha aig a nighean air crùn na h-Alba. Gun teagamh, cha bhiodh comas no cead aige am feasd air Morairean na h-Alba “a chur air chois air son a’ ghlacaidh eucoraich so”; ach, mar tha Robertson e féin ag ràdh gu math “cha ’n ’eil e do-chreidsinn gu’n deanadh e oidhirp ‘Cùirt Sheachd Mòr-mhaoir na h-Alba ’a thoirt air ais, no a chur air chois gus an glacadh eucorach so a dhaingneachadh”. Bha Seachd Mòr-mhaoir air an suidheachadh an toiseach anns a’ bhliadhna 1250, agus anns a’ cheart ath bhliadhna, rinneadh casaid an aghaidh Dorsair an Righ. “Tha ’n comh-chordadh so,” arsa Robertson, “eadar an aon chùis agus am fear eile glé shonraichte, gu h-àraid ma [TD 133] tha sinn a’ beachd-smuaineachadh (mar bu chòir dhuinn) gur e Bruce, aon de na fir-taice a bu mhò a bha aig Dorsair an Righ; agus gur e easan a chur an céill e féin, an déigh sin, mar aon de na luchd-leanmhuinn a bha aig “Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba.” Tha aobhar màith againn a bhi saoilsinn gu’n do thagh muinntir na dùthcha so o chionn fhada an Righ air son féin, no, an àite sin gu’n do ghabh iad ris, air dha ’bhi air a chur air chois dhoibh le “Morairean na h-Alba”. Tha e comasach, gu dearbh, gu’n do thaghadh an Righ le “Riaghladairean Sheachd Roinnean na h-Alba” aig amannan na’s traithe na sin; ach a thaobh eachdraidh na h-Alba an déigh linn Chaluim a’ Chinn-mhòir, cha ’n ’eil iomradh againn air comunn no còir sam bith de ’n leithidibh sin. CIARIAN MAC CHIARIAN. (Ri leantainn.) THE CELT IN SPAIN [Beurla] [TD 134-148] [Beurla] [TD 149] FOGHLUM NAOMH ANNS A GHÀIDHEALTACHD BHA ceasnachadh ann o chionn beagan mhiosan a thaobh foghluim naoimh anns a’ Ghàidhealtachd. Is e mo bheachd-sa gu’n robh feum againn air, gu fior; oir tha a’ Ghàidhealtachd glé bhochd a thaobh nan nithe sin. Bha e air a ràdh le cuid, gu’n robh mòran leabhraichean naomha anns a’ Ghàidhealtachd; ach tha e ’cur mòran duilichinn orm ri ràdh gu’n deachaidh a’ chuid is mò de na leabhraichean so à clodh-bhualadh o chionn fada. Mur ’eil mi air mo mhealladh, cha ’n ’eil e comasach do neach sam bith leabhar urnuigh Chaitliceach ’fhaotainn ann an Alba air an là an diugh. Tha e air a ràdh le cuid nach ’eil iarrtas ann airson nan leabhraichean so; ach tha fios agam nach ’eil e mar tha iad ag ràdh, agus gur mòran a tha ag iarraidh aig a’ cheart àm so nach biodh soirbheas sam bith aig na leabhraichean so. Thugamaid fainear a nis ciod a chaidh a dheanamh a thaobh nan nithe so anns na h-àmannan a chaidh seachad. Gun teagamh, bha roimh so, eud mòr ann thaobh sgrìobhaidh; agus bha mòran leabhraichean naomh’ air an cur a mach ann an Alba air son Chaitliceaich na dùthcha so. Cha ’n urrain domh ainmeannan nan leabhraichean sin uile a thoirt seachad, a chionn ’s nach ’eil iad aig mo làimh an dràsda, agus tha iad ro ghann co-dhiù; ach dh’ionnsuich mi cuid dhiubh air mo chridhe, agus mu’n timchioll-san, bheir mi oidhirp air labhairt gu h-aithgheàrr agus gu math. Gun teagamh, is e an Tiomnadh Nuadh a bha air eadar-theangachadh leis an Athair Mac [TD 150] Eachainn agus an Athair Grannda, an leabhar naomh a’s mò agus is feàrr a th’againn anns a’ Ghàidhealtachd. Bha an obair so air a cur a mach anns a’ bhliadhna 1875; agus tha mi ’n dùil nach ’eil an clòdh-bhualadh fathast air a ruith a mach. Tha ’n eadar-theangachd so ’n a deagh eadar-theangachd air an Sgrìobtur Naomh. Tha e air a sgrìobhadh air dòigh a’s ro thaithniche ann an cainnt nan Gàidheal; agus, a bhàrr air sin, cha ’n ’eil mearachdan clòdh-bhualaidh ann ach glé ainmig. Ach, a nis, tha feum aig litreachadh na h-eadar-theangachd so a bhi air a cheartachadh air chor ’s gu’m bi i a réir litreachadh an là an duigh. A thuilleadh air sin, tha feum aig na comharraidhean-fhocal a bhi air an ceartachadh cuideachd. A réir mo bheachd-sa, bha sùil aig na h-eadar-theangairean ri nithibh àrda; ach tha mi ’cur an teagamh ma rinn iad gu tur glic an uair a dh’fhàg iad a mach na h-uibhir de chomharraidhean-fhocal, agus an uair a cheadaich iad na h-uibhir de ghiorrachadh ann. Bithidh fhios aig neach air bith air an ni a tha mi a’ ciallachadh leis na briathran so, ma ni e coimeas eadar an da roinn a leanas, a thagh mise a thaobh tuairimeis as an Sgrìobtur Naomh:— N. LUC. XVI. CAIB. 19. Bha duine araid saibhir ann, a bha air eideadh am purpur’s an anart grinn, ’s bha g-ithe gu soghail a h-uile latha. 20. Agus bha diol-deirc ann dha ’m b’ainm Lasarus, a bha ’na laidhe aig a’ gheata lan chreuchdan. 21. A miannachadh a bhith air a shasachadh leis na criomagan a bha tuiteam bho bhord an duine shaibhir, ’s cha robh gin gan toirt dha; ach thainig na coin, agus dh’imlich iad a chreuchdan. 22. Agus thachair gun d’fhuair an diol-deirc [TD 151] bàs, ’s gun do ghiulaineadh e le ainglean gu uchd Abrahaim. Us fhuair an duine saibhir e fhein bàs: agus thiodhlaiceadh ann an iutharna e. 23. ’Sa togail suas a shuilean, nuair a bha e an doruinn, chunnaic e Abraham fad as, agus Lasarus ’na uchd. 24. Agus dh’eigh e, us thuirt e: Athair Abrahaim, gabh truas dhiom, agus cuir Lasarus a thumadh barr a mheoir an uisge gus mo theanga fhuarachadh, ’s mi air mo chràdh san lasair so. 25. Us thuirt Abraham ris: A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa nichean matha ri do bheo, agus Lasarus mar an ceudna nichean olca; ach tha e nis ann an sòlas, us thusa an doruinn. 26. ’Sa bharrachd air so uile, eadar sinne agus sibhse tha aibheis mhor air a suidheachadh, air nach urrainn daibhsan dol thairis, a dh’iarras á so h-ugaibhse, no tighinn a nall h-ugainn bhuaibhse. 27. Us thuirt e: Tha mi guidhe ort ma ta, Athair, gun cuir thu e gu tigh m’ athar: 28. Oir tha coignear bhraithrean agam, gus a thoirt teisteanais dhaibh, eagal gun tig iadsan cuidheachd gu àite na doruinne so. 29. Agus thuirt Abraham ris: Tha Maois ’s na faidhean aca: eisdeadh iad riusan. 30. Ach thuirt esan: Cha n-eadh, athair Abrahaim, ach ma theid aon gan ionnsuidh bho na mairbh, gabhaidh iad aithreachas. 31. Us thuirt e ris: Mur eisd iad ri Maois agus ris na faidhean, cha mhua chreideas iad, ged a dh’eireadh neach bho na mairbh.—An Tiomnadh Nuadh, 1875. So againn a’ cheart roinn cheudna mar is còir dha bhi air a sgrìobhadh:— 19. Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air ’eideadh le purpur, agus anart grinn, ’sa bha ag ithe gu soghail a h-uile là. [TD 152] 20. Agus bha diol-deirc ann, d’am b’ainm Lasarus, a bha ’n a laidhe aig a’ gheata lan chreuchdan. 21. A miannachadh a bhi air a shàsachadh leis na sbruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir, agus cha robh gin ’gan toirt dha; ach! thainig eadhon na coin, agus dh’imlich iad a chreuchan. 22. Agus thàrladh, gu’n d’fhuair an diol-deirc bàs; agus gu’n do ghiùlaineadh air falbh e le ainglean do uchd Abrahaim. Agus fhuair an duine saoibhir bàs, mar an ceudna, agus thiodlaiceadh ann an iutharna e. 23. Agus ann an ifrinn, thog e suas a shuilean, agus e an am piantan, agus chunnaic e Abraham fada as, agus Lasarus ’n a uchd. 24. Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahaim, gabh truas dhiom, agus cuir Lasarus los gu’n tum e bàrr a mheoir ann an uisge, agus gu’m fionnairich e mo theangadh; oir tha mi ann an dòruinn anns an lasair so. 25. Agus thubhairt Abraham ris. A mhic, cuimhnich gu’n d’fhuair thusa nithean math ré do bheò, agus Lasarus, mar an ceudna droch nithean; ach a nis tha e ann an sòlas, agus thusa ann an dòruinn. 26. Agus a bhàrr air so uile, eadar sinne agus sibhse tha doimhne mhòr air a suidheachadh air chor agus iadsan le am b’àill dol as à so do ’ur n-ionnsuidh-se, nach urrainn doibh; agus nach mò a dh’fhaodas aon air bith tighinn thairis as a sin d’ar n-ionnsuidh-ne. 27. Agus thubhairt e: Tha mi a’ guidhe ort mata, Athair, gu’n cuireadh tu e gu taigh, m’athar. 28. Oir tha coignear bhràithrean agam, los gu’n toir e teisteanais dhoibh, air eagal gu’n tig iadsan, mar an ceudna, do àite na doruinne so. [TD 153] 29. Agus thubhairt Abraham: Tha Maois agus na fàidhean aca: eisdeadh iad riusan. 30. Ach thubhairt easan: Ni h-eadh, Athair Abrahaim; ach ma théid aon d’an ionnsuidh o na mairbh, gabhaidh iad aithreachas. 31. Agus thubhairt e ris: Mur ’eisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged a dh’éireas aon o na mairbh. Dh’eadar-theangaich, mar an ceudna, an t-Athair Mac Eachainn (a bha ’n a eadar-theangair air an Sgriobtur Naomh) An Cath Spioradail, le Scupoli. Bha an obair so air a cur a mach ann am Peart, anns a’ bhliadhna 1835, ach chaidh e à clòdh-bhualadh o chionn fada. Tha eiseamplairean an leabhair so ro dhuilich ri fhaotainn aig an àm so. Chuir an Sagart easgaidh, ionnsuichte, ceudna, eadar-theangachd a mach air De Imitatio Cristi, le Tomas à Cempis, ann am Peart, anns a’ bhliadhna 1826. Mheal an leabhar, sin, mar an ceudna, meas mòr o shluagh na Gàidhealtachd, ach, mo thruaighe! tha e ’nis mar a tha iomadh leabhar math eile air an là an duigh—is e sin ri ràdh chaidh e à clòdh-bhualadh o chionn fada. A bharrachd orra so, chuireadh a mach Leabhar-Cheist ann an Inbhirnis anns a’ bhliadhna 1869. Chlòdh-bhualadh a rìs an obair so o chionn ghoirrid; agus is e an Leabhar-Cheist a tha ’san fhasan air feadh dùthaich nan Gàidheal aig an là an diugh. A thaobh Leabhraichean-Urnuigh, chaidh iomadh seorsa a chur a mach anns a’ Ghàidhealtachd o àm gu àm; ach chaidh iad so uile, mar an ceudna, à clòdh-bhualadh o chionn fada. Gun teagamh, is e an Leabh-Urnuigh, ris an goirear Iul a’ Chrìostaidh, a rinneadh leis an Easbuig Abareadhain, agus leis an Easbuig Earraghaidheal ’s nan Eilean, an Leabhar-Urnuigh a’s feàrr a th’againn, ach tha eiseamplairean na h-oibre so ro [TD 154] dhuilich ri faotainn a nis. Chuireadh a mach clòdh-bhualadh air an Leabhair-Urnuigh so ann an Canada o chionn ghoirrid; ach tha e làn de mhearachdan clòdh-bhualidh. Chuireadh a mach Ordo Missæ ann an Dun-eideann anns a’ bhliadhna 1877; agus chuireadh a mach air feadh nan ceud bliadhna deireannach, beagan de dh’oibrichean naomha; ach mu thimchioll nan leabhraichean so cha ’n ’eil feum againn ’innseadh gu poncail an dràsda. Gideadh, tha feum agam ri ainmeachadh an so an deadh Leabhar-Luaidh a chuir a mach an t-Athair Mac Dhòmhnuill à Erisgaidh o chionn ghoirrid. Bha, air lorg sin, eud mòr ann, a thaobh nan nithe sin, anns a’ Ghàidhealtachd anns an àm a chaidh seachad; ach, mo thruaighe! ciod tha sinn a’ deanamh a nis? Tha e ’cur mòran dorain orm ri ràdh gur e beagan gu fior a tha sinn a’ deanamh anns a’ ghinealach chum foghlum naomh a’ chumail fa chomhair muinntir Caitliceach na Gàidhealtachd. Leugh sinn anns an àireamh dheireannaich de Ghuth na Bhliadhna mu’n ni a tha muinntir na h-Eirinn a’ deanamh a thaobh nan nithe so; agus is còir dhuinn gluasad agus car a chur dhinn cuideachd. Tha mòran oibrichean math againn, agus, ann mo bheachd-sa, is math is fhiach a’ chuid a’s mò de na leabhraichean so a bhi air an ath chlòdh-bhualadh, agus air an cur a mach cho luath agus is urrainn duinn. Nach ’eil e ’n a nàire agus ’n a mhasladh gu’m biodh e neo-chomasach do Gàidheal na h-Alba, a tha ’n a Chaitliceach, Leabhar-Urnuigh fhaotainn ann an Gàidhlig, anns an dùthaich so? Tha mise ’foighneach oirbh, cia an dùthaich eile air feadh an t-saoghail gu léir, anns am fuiligeadh sluagh na nithe so? Tha e air a ràdh, agus sin gu math, gu bheil aobhar creidimh agus aobhar dùtcha ’n an aon aobhar; agus nach ’eil e comasach do [TD 155] neach sam bith fear dhiubh a dhearmad gun dearmad ni’s miosa a dheanamh air an fhear eile. Is e creidimh agus cànain maoin dhligheach choitchionn nan Gàidheal; agus is e an dòigh a’s feàrr a th’ann, agus a bu chòir a bhi againn, an t-aon a’ chumail suas le brosnachadh an fhir eile. IAIN MAC AN ABBA. TOBAR NA REIL [Beurla] [TD 156-160] [Beurla] [TD 161] [Beurla] GAELIC ARTS AND CRAFTS [Beurla] [TD 162-170] [Beurla] [TD 171] THE IDEAS OF A PATRIOT PEER [Beurla [TD 172-181] [Beurla] [TD 182] [Beurla] DÀIN NAOMHA EIREANNAICH FHUAIR sinn na dàin mhaiseach naomha so a leanas o’n Ollamh Hyde (An Craobhinn Aoibhinn). Tha sinn cinnteach gu’m bi iad ro thaitneach d’ar luchd-leughaidh. CUIMHNICH Cuimhnich pàis na sleagh, ma dh’fheudas tu, Cuir na gàrtha an tràth fo na miltibh cumha, Cridhe glan, crabhach, narach, deirceach, umhail, Nach mile (uair a’s fhearr) fearr le radh na beul air suibhal. [TD 183] NACH IOMADH MARCACH Nach iomadh marcach maith a leagadh, A’s racham a nis air muin an eich, Mar chaidh mise ’n leith (às) na slighe Tàr, a Chriosd, a’s tabhair Do bhreith. IFRINN, FUAR, FLIUCH Ifrinn, fuar, fliuch, Baile is seirbhe deoch, Baile gun chill gun chrois, Ni rachaidh mi-fein ’na chois, Ach mar ’s maith le Iosa mi ’bhith. Bu mhiann leam ’dol a nunn, Mura bhiodh a lughad ’mbeil de lòn romham, Is beag de mo bhàrr a bhos, Is truagh nach thall do threabhar. AN LAOCH DO CHEUSADH An laogh do cheusadh Di’-haoine Do chuireadh an ropaibh righinn (no righne) Do chuireadh e ’san uaigh ’na shireadh, Clocha mora clonnta? claonta. Ag faire a’ leabuidh air feadh na h-oidhche ’Se dubhairt seisean (easan le Nicedimus,) Cuntamatar? os a cionn sin, Gur thugadur leo e o luchd na seacht line, Bhi d’ am braonadh le aolach, D ’a ’n deargadh le (cimleach) geimhlibh Aig na dreamannaibh fo phiantaibh. Is minic trachtar (iomradh) th’ air an Domhnaich anns na h-urnuighean so; agus is an-mhór am meas do bhi aig na sean-Ghaidheil air an là bheannaichte sin. Is coitchionn ’nam measg an t-ainm do (airson) [TD 184] Dhia “Righ an Domhnaich”. Anns an sgeul greann namhail (thaitneach) sin, “Seaghan Tinncear” (Ceard) innistear duinn mar chaidh Seaghan ag iarraidh cairdis Chriosta d’ a mhac, agus mar a thachair Mac Dhe air, agus thairg se e-fein do mar chairdeas Chriosta, ach dhiult Seaghan e “ni fear comhthrom thu,” a deir se, “tugann tu a seacht saith (sàth) do dhaoinibh, agus ni thugann tu a leath-sháith do dhaoinibh eile” Nuair dh’imich Mac Dhe, thachair “Uigh an Domhnaich” air, ach ’nuair a chuala Seaghan gur e bh’ann, ni leigeadh se do bhith ’na chairdeas Chriosta d’ a mhac, “Cha ’n ’eil agad, ars easan acht aon là a mhàin ’san t-seachduinn, agus cha ’n urrainn thu moran maith a dheanamh air an là sin fein!” Agus so mar fhuair mo charaid (chara) at t-Athair O’Gramhna “Failte an Domhnaich” an Arainn. FAILTE AN DOMHNAICH Failte an Domhnaich An deigh na seachuinn Là breagh saoire Dh’orduich Criost duinn Le n-ar n-anam do dheanamh. Caraich do chos gu moch chum aifrionn Caraich do bheul air no briathraibh beannaichte Caraich (Corruigh) do mheuran air slabhraidh na h-anama Fosgail do chroidhe agus sgaoil am mi-run às Breathnaich suas air Mac na Banaltra, O’ se fein is fearr do cheannaich sinn. Crann direach, dùilleagach, glas As chrochadh Criost fo na bhun, Fillimid ort a nis, a chrois! (Philleamaid ort a nis le fonn). [TD 185] Ta piosa eile aca dar b’ainm “Beannachd an Domhnaich,” acht ni thugaím ann so e, oir is beag nach do-thuigsionach ar fada. An so piosa beag air a’ chrois, cosmhuil leis (ris) na lìntibh shuas, mar tha se aca ’n Arainn agus ’n Conamara. GU’M BEANNUICHEAR THU (DHUIT) A CHROIS (CHROS)! Gu’m beannuichear dhuit a chrós A bhuinneain ghlégil uir Gu’m beannuichear dhuit a chroinn Le’r ceusadh Criosta, Gu’m beannuichear dhuit, a Righ, Do sineadh air a’ chrois, Impidh cuirim ort Gach smal peacaidh d’a ’bfeil (tha) air m’anan A leagadh air a cholainn, O ’sì is mo rinne a’ choir (no a rinn de choire). An so piosa eile do sgriobh am fiòr-Ghaidheal sin an Liathanach sios o bheul’ mna à Beul-an-atha an Condae Mhuigh Eo; Dubhairt si gur gnathach a radh air faicinn eaglaise (teampoill) uait. GU’M BEANNUICHEAR DHUIT O ALTAIR! Gu’m beannuichear dhuit, o altar, A Chrois bhreagh dhuilleagach, ghlas, Nar leigidh tu m’anam thart, Gu’n coimhideadh tu mi an deagh staid, Gu’m pillidh tu sinne air ar leas, Gu’m meudaichidh tu ar cridhe le gloir d’fàghail Gu’n lionaidh tu ar suil le deoraibh (deoiribh) an aithreachais Gu’n tugadh tu ar cion duinn de gach aifrionn D’a leightear anns an Roimh an diugh Agus air fad’ an domhain mhòir. [TD 186] No mar chualaidh an t-athair O’ Gramhna e o oide-sgoile ’n Daibhi O Geallachain an Arainn Mhòir. Gu’n tugadh dhuinn cion Criostaidh De luaigheach Aifrinn an là an diugh Agus de gach Aifrionn d’a leightear anns an Ròimh Agus timchioll an domhain mhòir air fad. An so urnuigh aluinn do chual(aidh) an t-athair O Gramhna ’n Innis meadhon d’a radh le linn an Aifrinn agus tar eis (an deigh) a’ Choisrigidh. MILE FAILTE ROMHAD, A CHUIRP AN TIGHEARNA Mile failte romhad a chuirp an Tighearna, A Mhic (no shiolruigh) a rugadh o’n oigh is gile agus is mine. ’Se do bhas-sa. Air crann na paise— A dh’fhuasgail siol Eubha a’s (bhàsguigh) a mhill eucoir, O’s peacach bochd mi ta a’ deanamh ort. Na nocht orm a’ choir, Ged do thoill mi t’fhearg, a Iosa Criosta Pill ruim agus foir. Iosa a cheannaich sinn Iosa a bheannuich sinn Iosa a’ phaidrin phairteach Na dean sinn do dhearmad— A nis no aig uair ar bàis. O a Chriost do cheusadh (air) Di-h-aoine Do dhoirt do chuid fola da’r maitheadh ’S d’ar saoradh, Gràs an Spioraid Naoimh ann ar cridhe ’S ann ar n’-inntinn, Gach athchuinge a dh’iarramaid (biodh) Mac Dhe ’ga reidhteach. [TD 187] An so (tha) seorsa gniomh cridhe-bhrùite do sgriobh an Liathanach sios o bheul duine an Condae na Gaillimhe. CUIMHNE DE Cuimhne Dhe os cionn mo chuimhne Leth mo pheacaidh ni thig leam innseadh Gach air innis mi ’s nar innis mi. Ta mi ag iarraidh parduin air Iosa Criosta ’N lathair cathoire na faoisdine (h-aidmheil). O a Thighearna ’fhuair piantan, A’s dh’fhulaing a’ phais Aig do stialladh le h-iarunn O mhullach gu bàrr, Na dheigh sin fhuair thu tarcuis Agus na creuchta (creuchdan) air do laimh O a Thighearna, is ag iarraidh Do chomhnadh a tàim. Fhuair mo charaid (chara) fior-mhaith nach maireann an sgoilear (cliste) sgiobalta, Gaidhlige Padraig O Laoghire na focail cheudna so, beag nach, an oirthir Chondae Corcaighe. Dubhairt se gur labhaireadh iad “air teachd duit do ghluinibh san t-seipeal. Leigim me-fein ’n iomall do ghràis Air urlar do fhighe fein Ag umhlachadh do’n teampoll Catoilcidhe (Chatholach) Umhluighim gun chealg a’m chridhe Mo glùn deas le taitneas do’n Aird-righ. An dara glùn le geill do Dhia An Triuir is beannaichte ’n an aon-Dia, Am ’sheachainte air shluaightibh do bhròin, A’s gu’m buaidhtear m’anam do’n Trionoid. [TD 188] A Thighearna ’fhuair pianta A’s dh’fhulaing a’ phàis Do stialladh le h-iarunn O bhathais gu tràcht (coise)? Na dheigh san fhuair an Tighearna Na croibthe [craobha] ann a làimh A Dhe dhìt (dhileis) ag iarraidh Do chabhair (choimirce) a taim! Gach peacadh d’an dearnadh (i.e., a rinneadh mi) O’n la’ rugadh mi riamh, Mac Mhuire nan gràs D’a radh leam, “maithim duit iad”. An leanabh do chradhadh Ta ’na dhuine ’s ’na Dhia D’ar seachaint gu bràth Ar gharthaibh luchta na pian. THE LOWLAND TRADITION [Beurla] [TD 189-198] [Beurla] [TD 199] Guth na Bliadhna LEABHAR II.] AN SAMHRADH, 1905. [AIREAMH 3. THE PASSING OF UNIONISM [Beurla] [TD 200-207] [Beurla] [TD 208] [Beurla] THE GAELIC LANGUAGE AND “SOCIETY” [Beurla] [TD 209-220] [Beurla] [TD 221] [Beurla] CUMHA OISEIN DO CHRAOIBH A BHA AIR TUITEAM [Air do’n aois a bhi air luidhe air a’ Bhàrd, chaidh e mach air feasgar àraidh, agus ghabh e ceum air a’ bheinn. Chunnaic e chraobh a bha air tuiteam, agus rinn e cumha dhi.] Cia mar a tha thu air tuiteam, a chraobh? Bu mhi-chaoimhneil a’ ghaoth a bhuail gu làr thu! Tha thu mar ghaisgeach, ’s a latha seachad. Tha thu ’nad luidh leat féin air taobh na beinne. Os do cheann tha gaothan nan neamhan a’ bruchdadh; agus cha’n aithnichear thu ni’s mò leis an ionad a dh’araich thu. Bha thu miorbhuileach ’nad ardan, agus ’nad neart, a chraobh! Thogadh leat do cheann sgiamhach ris na speuraibh. Annad dh’ fhalaich eunlaith an athair an nid, agus le do sgail chomhdaich thu treudan nan raontan. Chunnacas leis a ’ghrein thu, agus rinn i aoibhneas. Bu mhaiseach thu ’nad oige, a chraobh! Sgaoil thu do ghairdeanan boillsgeach ris na speuraibh. Chrath thu gu h-ardanach d’ fhalt bòidheach sùmaideach ris a’ ghaoith. Thanig gaothan nan neamhan agus thugaidh air falbh e. Bha thu subailte anns gach ball mar ghaisgeach òg. Air do shon-sa bha gairdeachas air a’ choille: b’aoibhneach chridhe do mhathar an Talamh. Chun- [TD 222] naic oighean maiseach na coille thu, agus ghabh iad tlachd annad: bha eagal air thùs chàich air do shon-sa. Bha thu, mar a bha mise, ro-shona am meadhon a’chatha. Bhruchd gaothan borba a’ gheamhraidh ’nad aghaidh; agus bhuail thusa sgiath chopanach do gheugan, agus chuir thu ruaisg orra. Ach a nis, mar a tha Oisein, tha thu sean ’us gun fheum. ’Se claidheamh na gaoithe a bhuail gu làr thu! THE CAPTURE OF PERTH, 1715 [Beurla] [TD 223-231] [Beurla] [TD 232] [Beurla] EIRE AGUS ALBA Is geall le dha mhar a cheile Eire agus Alba. Ta cnuic ailne mora leathana; ta aibhne binne [TD 233] geala, ta gleannta glasa ceomhara, ta comair dhoimhne dhiamhara, ta coillte gorma scathmhara i ngach tir diobh; ta daoine fiala failteacha daoine calma crodha, daoine spioraideamhla cneasta, daoine muinte beasacha ’n-a gcomnuidhe i ngach gleann is cumar da ruaidh-shleibhtibh. ’Seadh agus ta a dteanga dhuthchais ar mairthean fos aca. Is fior go bhfuil an Bearla ag iarraidh an ruagadh do chur uirthi agus e fein do chur ’n-a hionad: acht ta greim daingean aici fos ar na shleibhtibh is na reidh-chnocaibh i n-a bhful comhnuidhe na nGaedheal. Is o fhuil is fheoil Gaedheal na hEireann do shiolruigh a lan de mhuinntir Alban, agus ni ro-fhada o ghlaoidhti Scotia ar Eirinn. agus gairmtear cineadh Scuit ar Ghaedhealaibh Eireann gus i ndiu. Ni docha go bhfuil duine ainmighthe i stair na hAlban gur mo le radh e ag Gaedhealaibh na tire sin ’ná Colum Cille do chaith a lan da shaoghal i n-Oilean I agus fuair bas naomha ann. Is e Colum Cille do leath fior-chreideamh Chriost ar fuaid tuaiscirt na hAlban; agus is iomdha mainistear do chuir se ar bun chum solus leighinn agus naomhthachta d’fhadughadh is do choimead ar bhuan-lasadh i measc garbh-chnoc na duithche. Agus nar bh’Eireannach Colum Cille, nar bh’ Eireannaigh na manaigh do chuidigh leis is do lean a reir is do chuir crioch ar an deagh-obair do chuir se ar bun. Ni fhagfaidh cail is gniomhartha Choluim Cille croidhe na nAlbanach is na nEireannach an fhaid is bheidh mor-chnuc ’n-a sheasamh os cionn locha i nDun na nGhall ná i d-tuaisceart Eireann; an fhaid is bheidh fiadhain-tonn na fairrge da radadh fein an thraigh-charraigeachaibh I an fhaid is bheidh lomradh fraoich arshleasaibh Shleibhe Shneachta an fhaid is bheidh [TD 234] cloch os cionn cloiche i nDoire. Baineann Colum naomhtha le hAlbain is le hEirinn agus an fhaid fhanfaidh a chuimhne againn is ceart do mhuintir na hEireann agus do mhuinntir na hAlban bheith snaidhmighthe i ndluth-charadas le cheile. Is deacair a radh cia ’ca na hEireannaigh no na hAlbanaigh is mo d’fhulaing fa dhaorsmacht na Sasannach. ’Se mo thuairim-se fein gur mo d’fhulaing na hEireannaigh; gur mo an tsainnt do bhi ar na Sasannachaibh chum Gaedhil Eireann do chradh is do cheasadh ’ná Gaedhil Alban. Is mo an fhuath a bhi ag na Sasannachaibh-riamh ar chreideamh na nEireannach na ar chreideamh na nAlbanach. Acht na tighearnaidhe talmhan saidhbhre neamh-thruaigh bheileacha, ni miste a radh na gur dheineadar leirscrios ar gach taob de’n fhairrge. Is iomdha Gaedheal breagh corach calma do chuireadar le fuacht is le fan a criochaibh Eoghain is Airt agus a tuaisceart Alban. Do thug Gaedhil Eireann is Alban a gcuid fola go fuidheach ar mhaichre an choimheascair chum a gceart d’fhaghail do Sheamas is do Shearlas. Bhi Gaedhil Alban ullamh chum teacht go hEirinn chum cuis an riogh do phleidhe i bfochair a lucht comhgais. Acht b’e toil De gur “lom an cuireath an cluiche ar an righ coroinneach” agus gur luigheadh trom-chos ar Ghaedhealaibh agus gur fhanadar fa an-bhruid is fa dhaor-smacht go dti le deidheanaighe. Da mbudh is na beadh aon nidh eile san sceal acht stair an lae-i-ndiu fein, budh cheart d’Eireannachaibh baidh do bheith aca le hAlbain mar is mor da sliocht i gcathrachaibh is i mbailtidhibh mora na duithche sin. Eirigh go Glascu; seasaimh i gcuinne sraide moire eigin: tabhair na daoine gheobhaidh thart fa ndeara. Eireannaigh [TD 235] is eadh a leath, de’n chuid is lugha agus is e an sceal ceadna e i gcathrachaibh eile. Ar na hadhbhraibh sin go leir is dearbhtha gur cheart do mhuinntir na hEireann is do mhuinntir na hAlban baidh dhith-cheangailte do bheith aca le cheile gur cheart doibh eolas cinnte do chur ar a cheile agus cabhrughadh le cheile i ngach cruadhtan. Deallruigheann an sceal go bhfuil an chuid is measa da saoghal caithte ag an da chineadh agus go mheidh feabhas ag teacht ortha feasta. Acht fairior craidhte, ta teanga a sinsear ag dul uatha i mbathadh, o bhliadhain go bliadhain agus gan dul ar i shaoradh o’n mbas, muna rud e go ndeanfar imshniomh di i n-am agus iarracht do thabhairt chum a saortha is a saoruighthe. Ni gan cruadh-obair a saorfar teanga na nGaedheal agus mara saorfar i n-am i beidh si galaruighthe tar foir. Ni haon mhaitheas maise na breaghthacht tire na bionn greim ar a dteangain fein aici. Da mbeadh saothrughadh mar is coir da thabhairt ar an Ghaedhilg tail is i bhfus is mo an rath is an bhail do bheadh ar Ghaedhealaibh ar fuaid an domhain na mar ata. Ni hi an fhirinne d’aithristear ortha i gcomhnuidhe i starthaibh Bearla. Ni’l o’n Sasannach acht cos do luighe ortha agus a dteanga do ciunughadh ’n-a gceann agus annsain a chruth fein do chur ar an sceal. Ma imthigheann an teanga imtheochaidh fior-spioraid na nGaedheal is ni fhanfaidh i nGaedhealaibh acht driodar balbh na beidh aca chum a ngno saoghalta do dheanamh acht droich-bhearla. Ni’l aon deifridheacht mhor idir Ghaedhilg na hEireann is Ghaedhilg na hAlban leightear is tuigtear Gaedhealg na hEireann i nAlbain; leightear is tuigtear Gaedhealg na hAlban i nEirinn bionn meas ar cheoltoiridhibh is ar amhranuidh- [TD 236] thibh Eireann i nAlbain agus meas ar cheoltoiridhibh is amhranuidhthibh Alban i nEirinn. Is ionann a dteanga; is ionann a gcuid fonn; is ionann a gceol; is ionann a sinsear—no a lan de—agus budh choir gur bh’ionann an croidhe bheadh aca is gur bh’ionann a spioraid. Nar leigidh Dia go dtiocfaidh eascairdeas eatortha go deo. PADRAIG UA DUINNIN. GAELIC ARTS AND CRAFTS ARCHITECTURE [Beurla] [TD 237-249] [Beurla] [TD 250] [Beurla] HISTORY AND PATRIOTISM [Beurla] [TD 251-256] [Beurla] [TD 257] DÒIGH-SGRIOBHAIDH CIOD e dòigh-sgriobhaidh? ’S e dòigh-sgriobhaidh a’ mhodh a tha aig duine anns am bheil e ’nochadh le sgriobhaidh no le labhairt na smuaintean a th’aige. ’S e Fileantachd eòlas chum labhairt gu maith; ach ’s e dòigh-sgriobhaidh, air an taobh eile, a’ mhodh a tha aig duine anns am bheil e deanta ri sgriobhadh no ri bruidhinn. Tha na cleachdaidhean a ’s fhearr air dòigh-sgriobhaidh a’ sruthadh a mach o ’n inntinn, ach tha e comasach, cuideachd, beagan de na cleachdaidhean so ’fhaotainn le cleachdadh is foghlum. Tha na h-aobharan a tha aig bun dhoigh-sgriobhaidh bunaichte gu maith anns gach àite, is gach cearn do ’n t-saoghal uile; ach cha ’n ’eil e comasach na h-aobharan a tha aig bun an dara cuid de dhòighean-sgriobhaidh a chur ris a’ chuid eile. Tha so ceart cho fior ’thaobh cainntean na Roinn-Eorpa ’s tha e thaobh cainntean nan duthchanan ’san Aird’-an-Ear. Thug na Romhanaich ’s na Greugaich spéis mhòr do dhòigh-sgriobhadh; agus dh’fhàs iad ainmeil as a leth. Mar sin, bha an fheadhainn a leanas: Antiphon, Andocides, Lidhcurgus, Dinarchus, Demosthenes, Lisias, Pindar, Libhidh, Isocrates, Isæus, Cicero, agus moran eile. Thug na Romhanaich ’s na Greugaich aire mhòr do dhoigh-sgriobhadh, oir, ’n am beachd-san, bha dòigh-sgriobhaidh cho feumail ri brigh a’ ghnothaich. ’Gar taobh-ne, thug ar sinnsearan dòigh-sgriobhaidh a stigh do ’n duthaich so linnteann air ais. Chreid iad, maille ri Mirabeau, gu bheil “focail mar nithean”; agus, mar sin, chuir iad “làmh nan diochiollach” ris a ghnothach sin da-rireadh. [TD 258] Theagamh, gu ’n do ghabh iad saothair tuille ’s a choir a thaobh dhòighe-sgriobhaidh. Nach e Bacon a thubhairt gu ’n robh snàs-labhairt ’n a eòlas, “excellently well labored?” Tha sàr-fhios againn gu ’m feumadh nithean glic is eireachdail ’bhi air an tarraing a mach ex visceribus causae. Coma co dhiù, thug na Gaidheil spéis mhòr do dh’fhocail; agus, mar a thubhairt mi cheana, bha iad eòlach air thar tomhas agus thar ceartas; oir is lion-lannachd ’thaobh fhocail ceart cho airidh air achmhasan agus a tha lion-lannachd a thaobh bhrigh. Chuir Cicero sgriobhadh àraidh ainmeil dh’ionnsuidh a charaid, Atticus, aig an robh roimh-ràdh snàs-labhairt; ach chuir a charaid air ais e, ag ràdh gu ’n do chuir Cicero an earrann ceudna mar prooemium cheana, anns obair eile; agus ghearr Cicero a mach e. So eisimpleir math dhuinn chum pongalachd ann an sgriobhadh. B’fhearr leis dragh a chur air fhein, agus an earrann a sgriobh e, a sgriobhadh a rìs, na ’bhi air a chronachadhair son a chuairt-bhriathar, eadhon thaobh na smuaintean a bh’aige. Ach roimh so, thug na Gàidheil spéis gu h-anabarrach mòr do dh’fhocal; agus ghabh iad tlachd gu pongail air sruth-fhocal, seòrsa eòlas a bha ro mheasail leo. Tha na sgriobhaidhean Gàidhealach o shean gu math làn de na sruthan-fhocal so, a chionn gu bheil iad misneachail agus briogh-mhòr a thaobh an dòigh’ air an do sgriobhadh iad. Thug ar n-eachdraichean a stigh iad d’ an oibrichean, los gu ’n sgeadaicheadh iad dhuinne an sgriobhaidhean fein, agus gu ’n dùisgeadh iad leo smuaintean d’an luch-leughaidh. Tha e ro dhuilich ri ràdh aig a’ cheart àm so ciod e an t-àm no ’n dòigh air an robh am fasan ’thaobh an sgriobhaidh so air a thoirt a stigh do [TD 259] dhùthaich nan Gàidheal. Bha aig na h-Arabaich, agus cuid eile de na cinnich a thainig o ’n Aird’-an-Ear, sgriobhaidhean air an dòigh cheudna; ach cha ’n ’eil e comasach gu ’n robh eòlas sam bith aig Gàidheil agus na h-Arabaich air a chéile aig àm cho tràthail ri so. Air an leabhar ris an goirear Tain Bò Cuailgne, tha mòran eisimpleirean ann air an dòigh-sgriobhadh so. Tha e air a ràdh gu ’n do sgriobhadh na h-oibrichean so mu dheireadh na seachdamh linn; ach cha ’n ’eil e cho làn de shruthan-fhocal ri obair ainmeil eile ris an abrar Fleadh Dùin nan Geadh. Air son so, agus a chionn gu bheil na sgriobhaidhean a ’s traith’ againne—’s e sin ri ràdh Leabhar Ar-mhaighe, an Liber Hymnorum, na leabhraichean mu Naomh Pàdraig ni ’s traithe, agus na leabhraichean mu Naoimh eile na Gàidhealtachd—uile air an sgriobhadh air dòigh a’s nadurra co dhiù, tha mi lan-chreidsinn gu ’n deachaidh an sgriobhadh roimh do’n dòigh-sgrìobhadh at-mhòr so a bhi air a thoirt a stigh do dhùthaich nan Gàidheal. Air an leabhar ris an abrar Hi-Manaidh le Seamus O’Dian, a fhuair bàs anns a’ bhliadhna 1372, tha moran eisimpleirean ann air an dòigh-sgriobhadh so, ach ’s e an leabhar ris an abrar Caithreim Toirdhealbhaigh le Iain Mhic Ruaidhri Mac Grath, a chaidh a sgriobhadh anns a’ bhliadhna 1459 a’s ainmeile agus a saothaireachaile air son an fhasan so. So againn samhladh:— “D’aithle na h-imagallmha sin, Donnachaidh re n-a dheagh-mhuintir, ro eirigh go h-úirmheisneach osgardha d’a eideadh fein ’san ionad soin. Agus tugadh ar d-tus a uasaleide d’a ionnsaighidh ie cotun daingean, deaghchùmta, dluith-iomaireach, din-eitrigheach, dearg-anpa dhach, des-chiumas-bhláith, de albhnuadhach, dath-chroidhearg, dio- [TD 260] graise; agus do chuir uime go h-éasgaidh an teideadh oir-chiúmsach soin, agus is e comhphad do dhion a dheagh-chotun Donnchaidh, ie o iochtar a mhaothbhraghad mir-chorcra, go mullach a ghlun ghasta, ghleighil, choir,” etc., etc. Bitheamaid measarra! Is maith thig e do dhòigh-sgriobhadh am buidh-fhocal; ach is comasach tuille ’s a choir eadhon do ’n ni math sam bith ’fhaotainn, mar tha an t-sean fhocal ag ràdh. Gidheadh, bu thaitneach do mhoran ughdaran Ghàidhealach, a bha maireann mu ’n ochda-linn-deug, agus aig toiseach na linn so chaidh, an dòigh-sgriobhaidh so; agus chum iad suas e gu h-eudmhor, misneachail. Chuir an t-Urramach Pòl O’Brian an céill, ’san Taibs’-ionnsachadh a sgriobh e, an taobh blath a bha aige ris an fhasan so; agus bu lion-mhòr iadsan a bha ’ga mholadh as a leth. Gun teagamh is math is freagarach do sgriobhadh am buidh-fhocal. Ciod ris an coimeas mi an roinn a leanas, a thug mi o leabhar ainmeil priseil a tha’ agam:— “Esan an là mu ’n d’fhuluig e, a ghlac aran ’na lamhan naomh agus urramach agus a shuilean a’ togail suas ri neamh ruitsa a Dhia, Athair uile chumhachdach a’ toirt taing dhut, bheannaich e bhrist e, ’s thug e dh’a dheisciopuil.” Agus, “air an dòigh cheudna, an déigh na suipreach, a’ glacadh na cailis àghoir so na lamhan naomh agus urramach, cuideachd a’ toirt taing dhutsa, bheannaich e, ’s thug e dh’a dheisciopuill”. So againn, ma tà, roinn, a ’s maise, agus a’s urramaiche ’s a leugh mi riamh, agus m’a dheimhinn dh’fheudar a ràdh gu’m bu choir dha bhi taitneach do gach fear, air son an dòighe earalaich agus iongantaich anns a’ bheil na buidhean-fhocal air an toirt a steach. ’Nam bu mhiann leinn a bhi [TD 261] ’n ar deagh ughdaran, feumaidh sinn meudachadh a sheachnadh a thaobh fhocal, cho maith ri smuaintean. Agus is coir dhuinn cuimhn’ a bhi againn nach ’eil mar fhiachaibh oirnn’ a bhi moladh gach abhaist is cleachdadh a thainig nuas dhuinn o na linntean mheadhonach. I. B. RES PUBLICA [Beurla] [TD 262-266] [Beurla] [TD 267] [Beurla] CUMHA NA FRAINGE [Chaidh an t-òran so a sgriobhadh ’sa bhliadhna 1871.] A CHRUITHFHEAR an t-shaoghail A Righ mhòr gun tùs; A chruthaich sinn ri t’iomaigh, Dion sinn fo d’sgiath, Na d’mhathas, ’s na d’mhòr thròcair, Deonaich sinne sheoladh; S le’d ghrasan iochd-mhor treoraich, Gu d’Innis flathail sinn. Ach ’s mor an t-aobhar smaointean Dhuinn, buaireas na Frainge; A Righ! na chuir thu d’chùl, Ris an rioghachd ud s na h-innte; No le cogadh ’s le gach plàigh, Le goirt, ’s le blàiran bàs-mhor; ’M beil acasan ri phaidheadh, Trom chis dhuit, O Ard-Righ? O! ’s muladach ri innseadh, Gach naigheachd bhochd ’n tir Bha uairéigin dhe ’n t-saoghail, Na taice mhath dhuinn fhein; Tha bailtean ’sa raointean, Air snamh am fuil a laoich threun, ’Sa mnathan òga a’ caoineadh Tuiltean de dheur. [TD 268] O! ’s muladach dha rireadh, Gach naigheachd bhochd o ’n tir; Tha ’n diugh a ’n cas na b’eiginn, ’S gu fior bu mhor am beud; Ach co ’s urra dhe leirsinn, An cradh ’sna lotan creachdach; Tha ’n diugh a’ meath ’sa léireadh, Na miltean de sluagh! Tha piuthar ann gun bhrathair, Tha mathair ann ’s i ’caoidh, Athair a cuid paisdean, Nach till rithe a chaoidh; Tha sin ann ’s a charaid, ’S a Righ! nach cruaidh an caradh, Tha cumha a mic aluinn, A thuit am blàr gun bhuaidh. Ach nach truagh leibh còr na ribhinn Is glana gnuis ’us snuadh! Tha sior ospagaich ’s a’ caoineadh, ’S a’ fàsgadh dhorn gu cruaidh. A falt cuaileanach ’ga reubadh, ’S a tùr an ire a treigsinn, ’S i gal ’sa caoidh a ceud ghradh, ’S gu brath cha dean i a luaidh. Ach mu dhiobair Mac na h-Eeirinn, (1) A choisinn cliù ’s gach buaidh, Cha bann gun fhuil ’s gun, éirig, A liubhair e srian a riaghaill. Bha esa’ ’s a chuid fiuran, Mar h-aon do shianar dhiubh-sa, ’S cha bann gun chosgais dubhlan, A chail na Frangaich buaidh. (1) Mac Mahon. [TD 269] Ach sguireamaid mar thoisich, Us guidheamaid glòr do ’n Ti, Tha ’riaghladh anns na h-Ardaibh, ’S a’ ceadachadh gach ni: ’Na d’mhathas, ’s ’na d’mhor-throcair, Deonaich sinne a sheoladh, ’S le d’ghrasan iochd mhor treoraich Gu d’Innis flathail sinn. ALASDAIR BISSET. Air fonn, “Gu ma slàn chi mi”. LITRICHEAN TI AGUS TALAMH A CHARAID,—Is lionmhor na dòighean eibhinn a th’aig daoine an là an diugh air airgiod a chosnadh, agus reic fhaotainn d’an cuid bathar. ’Se ’n dòigh mu dheireadh dhiubh seo air an d’fhuair mi iomradh a th’aig lighiche ’s a’ bhaile ris an abrar Camus a’ Chorra an Ceannd. Tha dòigh aige air ti mhath fhaotainn gu saor, agus tha e ’cur roimhe gu’n toir e crioman beag talamh a nasguidh do gach duine a cheannaicheas dà cheud phund de’n ti aige. Feumaidh duine ceithir punnd fhaotainn comhla air thoiseach, agus leis a seo gheibh e comhchordadh air a sgrìobhadh le fear-lagha, agus air a sheuladh leis an lighiche, a’ gealltainn uiread seo de thalamh a thoirt seachad a nasguidh, cho luath ’sa bhitheas an dà cheud punnd iomlan air a cheannach. Feudar seo a bhi air a dheanamh leth-phunnd aig àm, an déigh do’n cheud ceithir phunnd fhaotainn comhla. Tha e air innseadh gu’m bheil an talamh seo an Albainn agus Eireann cho math ri Sasunn. Tha sinn a’ cluinntinn bitheanta mu’n stri laidir a [TD 270] tha daoine a’ deanamh air son beatha na Gàidhlig a neartachadh ’sa Ghàidhealtachd, agus cha’n ’eil duine beò a tha m’s déigheil air soirbheachadh fhaicinn air cuisean na Gàidhlig na mi fhéin, ach ciamar a bhitheas daoine ann a bhruidhneas a’ Ghàidhlig fhad ’sa tha’n dùthaich ’na fàsach fo chaoraich agus féidh? Leinn fhein, cha’n ’eil ni a’s fheumaile do na Gàidheil an dràsd na cothrom beagan talamh fhaotainn uair ’sam bith tha feum aca air, agus obair leis an cosnadh iad uiread ’sa chumas iad beò aig an taigh. Tha moran miotailtean ’san talamh ’sa Ghàidhealtachd agus rachadh mèinnean gual agus iaruinn fhosgladh le glé bheag de dhragh no cosdais do’n chuid a’s mò de na h-uachdrain. Nan rachadh an dà obair seo a chur air dòigh bhitheadh fada tuillidh airgiod tighinn do’n Ghàidhealtachd, agus an sin nan deanadh meall de dhaoine am measg marsantan nam bailtean riaghailt air beagan talamh a thoirt seachad a nasguidh do dhaoine a cheannaicheadh fiach sium suidhichte de’n bhathar aca, cha ’n ’eil teagamh nach bitheadh toiseachadh againn air na seòid a chur air ais an Tir nam beann. Tha gnothach ’eile ann a tha ’na bhacadh mhòr do dhaoine tighinn do’n Ghàidhealtachd a dh’fhuireachd ann, ’se sin na càintean. Tha tri no ceithir sgireachdan ann far am bheil na càintean tuillidh air deich tastain ’sa bhliadhna mu choinneamh a h-uile nòd de mhàl. Cha’n ’eil an leithid ach ’na sgainneal do dhùthaich coltach ris a’ Ghàidhealtachd, oir ciod an goireas a th’aig an luchd àiteach-aidh air son suim cho mòr a phaigheadh a h-uile bliadhna? Cha’n ’eil rud sam bith ach rathadan agus sgoiltean math aca. Gheibh duine a’cheart uiread agus mìltean de ghnothaichean beaga comhla ris [TD 271] cha mhôr am baile sam bith gun tuilleadh cosdais air seo. Tha iomadh sgireachd an Sasunn far nach tig na càintean gu leth uiread sin. Cha’n e gur toigh leam Sasunn: cha toigh, ach an sud a ghabhadh faotainn an Sasunn bu chòir dha a bhith an Albainn cuideachd leis an leithid sin de ghnothach, oir ’s iad na roinntean a’s bochda de Shasunn am bitheantas far am bheil na càintean a’s ìsle. Bu chòir do chuid d’ur luchd-leughaidh feuchainn an dòigh a dh’ainmich mi roimhe air ti agus talamh, oir tha mi cinnteach gun oibricheadh an gnothach air dòighean eile. Le’r cead, Cailleach an Ti. “BRITAIN” AND ENGLAND [Beurla] [TD 272-275] [Beurla] [TD 276] [Beurla] [Beurla] [TD 277-279] [Beurla] [TD 280] [Beurla] DUNNACHADH BÀN MAC-AN-T-SAOIR (1) THA e air aithris gu tric ann am measg nan Gàidheal gur e Dunnachadh Bàn Mac-an t-Saoir bàrd is fheàrr a thog Gàidhealtachd Alba bho laithean Oisein; agus gur e Moladh Beinn Dòrain cuibhrionn de bhàrdachd is fheàrr a chuir Dunnachadh Bàn ri cheile. Cha’n ’eil mi ag ràdh nach fhaod daoine a bhi air am mealladh anns an dà ni sin. Tha iad na mo bheachd-sa gu h-àraidh air am mealladh a thaobh an dara ni; is e sin gur e Moladh Beinn Dòrain cuibhrionn de bhàrdachd is fheàrr a chuir Dunnachadh Bàn ri chéile. Neach air bith a leughas Moladh Beinn Dòrain gu faicilleach bho thoiseach gu deireadh, faodaidh an neach sin eòlas fhaotainn air na buadhan a bhiodh feumail agus freagarach do dheagh shealgair, air cumadh a’ ghunna ’bha cleachdte ann an làithean a’ bhàird, agus ainmeannan lusan gun àireamh; gheibh e na (1) Leabhar Chomuinn Ghàilig Inbhirnis, Earrann xii. [TD 281] nithe sin air an cur sios ann an cainnt bhìnn, fhileanta, agus bhlasda, a dh’ fhaodas a bhi ’n an lòn taitneach do ’n chluais, ach nach dean mòran àrdachaidh no beathachaidh air buadhan na h-inntinn. Tha ’m bàrd a’ toirt dhuinn trì seallaidhean àraidh air Beinn Dòrain. Anns a’ chiad àite tha e ’g a h-ainmeachadh na “monadh fada, réidh,” ach ’s ann a tha ’bheinn coltach ris mar gu ’m biodh i ag atharrachadh nan cruth fa chomhair sùil inntinn a’ bhàird mar a bha e ’dol air aghaidh leis a’ mholadh aice. Agus an àite i bhi ’n a “monadh fada, réidh,” ’s an a tha i tionndadh gu bhi cho corach, carach, bideanach, ri sruth Choire Bhreacainn, ’n uair a tha i fàs— “Gu stobanach, stacanach, Slocanach, laganach, Cnocanach, cnapanach, Caiteanach, ròmach; Pasganach, badanach, Bachlagach, bòidheach”. Anns an treas sealladh a tha ’m bàrd a’ toirt dhuinn air Beinn Dòrain, tha e ’g a h-ainmeachadh ’n a “monadh fada, faoin”. Tha sin a’ leigeadh fhaicinn duinn nach b’ e idir cumadh agus maise na beinne ’bu mhomha bha anns an amharc aig a’ bhàrd ann a bhi ’seinn a cliù, ach a bhi a’ taghadh briathran fìnealta ruithteach a rachadh gu snasmhor ann an eagan a chéile, agus a bha freagarrach air fonn a’ phuirt air an do sheinn e am moladh, co dhiù a bha ’chainnt sin seasmhach ri lagh Nàduir no nach robh. Tha aon rann beag anns nach ’eil ach ceithir sreathan goirid, ann am Miann a’ Bhàird Aosda, air cliù agus maise beinne, anns am bheil barrachd brigh agus bàrdachd na ’tha ann am Moladh Beinn Dòrain bho cheann gu ceann. [TD 282] “Chì mi Beinn-àrd is àillidh fiamh; Ceann-feadhna air mhìle beann; Bha aisling nan damh ’na ciabh, ’S i leabaidh nan nial a ceann.” Tha e air a mheas ’n a mhaise air bàrdachd agus air sgriobhadh no comhradh sam bith, mar is momha ’théid de chiall agus de ghliocas a chun ann an tearc de bhriathran. Ach cha d’ thug Dunnachadh Bàn móran aire do ’n teagasg sin. Agus cha b’ e ’mhàin Dunnachadh Bàn, ach bha agus tha a’ chuid mhòr de na bàird Ghàidhealach againn ciontach dhe sin. Cho fad ’s a gheibheadh iad briathran a ghabhadh tàthadh agus fuaimeachadh ri ’cheile, leanadh iad air sniomh an orain a mach cho fad ’s a ghabhadh e deanamh a co dhiù a bha beachdan ùra ’g am foillseachadh fhéin ann no nach robh. Ma bha ’mhin gann, bha iad a’ fuine ’bhonnach a mach cho tana’s a ghabhadh iad sgaoileadh. Cha ghabh e àicheadh nach e fior bhàrd a bha ’n Dunnachadh Bàn, ach bàrd aig an robh buadhan cainnte pailt air thoiseach air a’ chumhachd inntinn. Ach ma rinn e bàrdachd lag, rinn e bàrdachd làidir. Ann am moladh Coire-cheathaich tha againn dealbhan air an tarrainn cho oirdherc agus cho maiseach, ann an cainnt cho finealta, snasmhor, ’s a tha ri ’fhaotainn anns a’ chanain Ghàidhlig—cainnt a tha ’sealltain dhuinn a’ bhàrd, agus an toilinntinn a bha e ’faotainn ann an co-chomunn ri maise obair Nàduir. “’Sa’ mhaduinn chiùin-ghil an àm dhomh dùsgadh, Aig bun nan stùc b’ e an sùgradh leam.” Anns an rann so tha againn inntinn agus spiorad an fhìor bhàird a’ briseadh a mach. Anns a’ mhaduinn chéitein tha ’n driùchd a’ dealradh air [TD 283] gach feòirnein, a’ ghrian ag éirigh suas ’n a glòir, le sgiathan sèimh a’ sgaoileadh a brat òrbhuidh air gach srath agus sliabh. Is e miann a’ bhaird a bhi ’g éirigh gu moch agus a’ dìreadh suas gu bun nan stuc a ghabhail compairt le eunlaith nan speur ann a bhi ’seinn agus a’ deanamh gàirdeachais ann an glòir agus maise ’chruinne ché. Tha e duilich a chreidsin gu’n cuireadh ùghdar Coire Cheartaich bàrdachd ri’ cheile (ma dh’ fhaodair bàrdachd a ràdh ris) cho leanabail, lag, agus leibideach, ri Alastair nan stòp. Rinn Dunnachadh Bàn a trì no ceithir a dh’ òrain-ghaoil, ach a mach bho Mhairi Bhàin Oig, cha ’n ’eil iad ach fuar, tioram, agus lag. Ann a h-aon de na h-orain-ghaoil sin tha’n rann so— “’S do chùl daithte làn-mhaiseach, Mu ’n cuairt do d’ bhràigh’ an òrdugh, Air sniomh mar theudan clàrsaiche ’N a fhaineachan glan nòsar: Gu lìdh-dhonn, pleatach, sàr-chleachdach, Gu dosach, fàsmhor, domhail, Gu lùbach, dualach, bachlach, guairsgeach, Snasmhor, cuachach, òr-bhuidhe”. Tha ’n t-òran a’ toiseachadh leis na facail so—“A Mhairi bhàn, gur barrail thu”. Tha e duilich a dheanamh a mach ciod e ’n seòrsa dath a bha air an fhalt aig a’ mhaighdinn so, ma bha e “bàn,” “lidh-dhonn,” agus “òr-bhuidhe”. Ann ann òran Mairi Bhàn Og tha ’m bàrd a’ bualadh teudan na clàrsaich aige le dùrachd ni ’s blaithe, leis a bheil faireachadh a’ ghaoil agus spiorad na bàrdachd a’ comhnadh a chèile, agus a’ sgeadachadh Mairi le trusgan maiseach finealta nach caill i cho fad ’s a bhios Gàidhlig ghlan Albannach air a labhairt no air a seinn air feadh an t-saoghail. [TD 284] Ann an Oran an t-Samhraidh tha ’n rann a leanas:— “’S fior ionmhuinn mu thráth neòine, Na laoigh òga choir na buaile sin, Gu tarra-gheal, ball-bhreac, botainneach, Sgiuthach, druim-fhionn, sròn-fhionn, guaillinnach, Buidh’, gris-fhionn, crà-dhearg, suaichionta, Seang, slios’ra, dìreach sàr-chumpach, Cas, bachlach, barr an suaraiche”. Faodaidh e ’bhith gur e nach ’eil mise ’tuigsinn ciod ’is ciall do fhior bhàrdachd, ach feumaidh mi aideachadh nach ’eil mi ’faicinn bàrdachd air bith anns an rann sin, no ann am moran rann eile de’n t-seòrsa cheudna. Tha cainnt gu leor ann, air a’ càrnadh air muin ’s air muin a chéile, facail fhada, thioram làidir, gun bhinneas, gun ghrinneas. Agus ann am measg a cho-thionail bhriathran sin, bu cho math a bhi ’g iarraidh snathaid ann an cruaich fheóir, agus a bhi ’g amharc air son a’ bheachd air an robh am bàrd ag iarraidh solus a chur. Tha bàrdachd agus tuigse anns an oran chiatach sin, Cead deireannach nam Beann. Cha’n ’eil am bàrd a’ deanamh strìth air bith gu bhi taghadh facail mhora chruaidhe thioram. Tha na fairichean aige mar a tha iad a’ dùsgadh suas ’n a chom, a’ sruthadh a mach ann an cainnt cheòlmhor, bhog, bhlàth; cho binn sèimh ri crònan an uillt. Anns an òran so, tha ’m bàrd a’ toirt dhuinn dealbh taitneach dhe fhèin, ach dealbh a tha air a mheasgadh le cianalas agus bròn. Tha ’m bàrd ’n a sheann aois ag gabhail a chuairt mu dheireadh, agus an sealladh mu dheireadh de Bheinn Dòrain, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach mar a bha e ’dìreadh ri uchd an t-sleibhe le anail ghoirid, le ceann liath, ’s le chiabhan tana, le ceum mall, ’s le cridhe trom, [TD 285] gu’n robh iomadh smaointinn thùrsach mhuladach a’ snamh ’n a chom, ag cuimhneachadh air na laithean a dh’ fhalbh, làithean taitneach na h-oige nach till air an ais ni’s mò. “N uair ’sheall mi air gach taobh dhiom, Cha’n fhaodainn gun ’bhi smalanach.” Tha mi creidsinn gur h-ann le cridhe trom a thearnaidh Dunnachadh Bàn gu baile air an fheasgar sin, a’ mothachadh ’aois agus a lag-chuis fhein; agus an uair a chunnaic e ceo an anmoich agus neòil dhorcha na h-oidhche a’ sgaoileadh am brat tiamhaidh mu ghuaillean Beinn Dòrain nach robh esan gu fhaicinn gu bràth tuilleadh. “Ghabh mi nis mo chead de’n t-saoghal, ’S de na daoine dh’ fhuirich ann; Fhuair mi greis gu sunndach aotrom, ’S i ’n aois a rinn m’ fhagail fann. Tha mo thàlantan air caochladh, ’S an t-aog air tighinn ’s an àm, ’S e m’ achanaich air sgàth m’ Fhir-shaoraidh Bhi gu math ’s an t-saoghal thall.” Rinn Dunnachadh Ban beagan aoirean anns am bheil brod bàrdachd, ged nach ’eil iad ri am moladh air dhòigh eile. Ach cha ’n eil teagamh nach do thoill Nighean dubh Raineach na fhuair i “A chionn gu’n do ghoid i ’N rud beag bha ’n sa chlúdan, Bh’ agam ’s a’ chùil Nach d’ innis mi chach.” Agus tha e coltach nach robh Uisdean Piobaire air na daoine ’bu mhodhaile agus ’bu bheusaiche. Ach [TD 286] tha sean-fhacal ag ràdh gur e “searbh a’ ghloir nach fhaodar éisdeachd”. Cha’n ’eil e na chomharradh laidir air inntinn mhor a bhi ’gabhail gnothaich ris gach peasan leibideach a thig ’n a rathad. Agus cha mhomha a bha e ag àrdachadh cliù Dhunnachaidh Bhàin a bhi cumail connspaid ri Uisdean Piobaire, Iain Faochaig, an Tàileir, agus Anna nighean Uilleam an Cròmpa. Ach cha b’e paipeir goirid a chaidh a sgriobhadh ann a’ cabhaig mar a chaidh am paipeir so a bheireadh ceirteas do Dhunnachadh Bàn agus d’a chuid bàrdachd. Bha sinn a’ toirt cliù dha agus a’ faotainn coire dha; ach tha sinn a’ creidsinn nach cuir aon choire a gheibh sinn dha tolg no dealg ’n a chliù. Tha dòchas againn gu ’m bi a chliù mar bhàrd cho seasmhach buan ri beanntan a dhùthcha. Agus tha eagal orm gu’m bi iomadh latha agus linn mu’n siubhail Gàidheal eile firichean Bheinn Dòrain a ni a feum de ’bheul agus de ’shùilean, agus a chuireas urad de bheatha agus de mhaise ann an cainnt agus ann am bàrdachd ar dùthcha ’s a chuir Dunnachadh Bàn Mac-an-t-Saoir. NIALL MACLEOID. THE OLDEST SCOTTISH MS. [Beurla] [TD 287-296] [Beurla] [TD 297] Guth na Bliadhna LEABHAR II.] AM FOGHAR, 1905. [AIREAMH 4. MAIGHSTIR AILEAN, EIRISCAIDH “’S ANN agamsa tha’n sgeula thiamhaidh, bhrònach duibh an nochd. Shiubhail Mr. Ailean, Eiriscaidh, mu aon uair ’s a’ mhaduinn an diugh.” ’S ann mar so a labhair Pears’-Eaglais nan Gàidheal ann am baile Ghlaschu air feasgar Dhidonaich air an ochda la dha’n mhios a chaidh seachad. Air dha so a ràdh, chaidh gaoir mhuladach roimh a chothional, oir bha mòran do’n luchd-eisdeachd a bha eòlach air Mr. Ailean o thùs an òige. Air ball, thairg iad a suas a’ Chonair-Mhoire, los gun tugadh Dhia fois agus tàmh dha anam. Rugadh Mr. Ailean ann an Gearrasdandubh-Ionarlochaidh, air a 25 do Mhios deireannach an Fhoghair anns a’ bhliadhna 1859. B’ann do Chloinn-a-Phearsain a Mhathair, agus b’ann do Chloinn-Dòmhnuil a bha ’Athair (Iain Ailein Òig). Mu’n robh e ach dùsan bhlaidhna ’dh’ois, chaidh a chuir do Cholaisde a’ Bhleirich faisg air Abareadhainn. As a sinn chaidh a chuir do’n Spàin, do Cholaisde nan Albanaich ann am Bhaladolid. Bha e daonan ro-ghàolach air a’ Ghàidhlig, agus ged a bha e air bhacadh dha a bhi labhairt cainnt a mhathar anns a’ Cholaisde thuathach na dhùthaich fhéin, thòisich e fhéin, [TD 298] agus a chompanaich, air a chainnt cheudna ionnsachadh gu pongail ann an tir chéin. An uair a thill e dhachaidh, fhuair e Òrdugh Naomh; agus fad dà bhliadhna shaothraich e anns an Oban-latharnach ann an seadh nach leigar air diochain ’an cabhaig. As ’an Oban, chuir an t-Easbuig Aonghas e do dh’Uidhist-a-chinn-deas, do Dhalabrog. ’S i Sgireachd Dalabrog is mua ann an Sgireachd-Esbuigachd Earraghaidheal ’s nan Eilean; agus an àm air bheil mi a labhairt, bha eilean Eiriscaidh fuaighte ri Dalabrog. Ach ged a bha, cha robh an domhain fhein tuille ’s farsuinn airson eud-anama Mhr. Ailein. Cha d’thug e riabh cothrom dha fhéin. Shaoirich, agus shaoirich, e daonan cearta coma air fhéin, gus mu dheireadh, bhris a shlàinte. ’S math a dh’fhaodamaid a ràdh mu Mhr. Ailein:— “Tha mo chridhe air a leòn Le saighead a’ bhròin Gur a fràsach na deòir bho’m shùil. Fàth m’éislean ri m’ bheò A bhi g’eisdeachd a sgeòil Gu’m beil Sagairt mo ghaoil fo’n uir. Bha e caoimhneil làn bàigh Bha ’ghnùis aluinn làn gràidh Air nach laidheadh a ghruaim no mhùig. Och! nan ochain! mar tha Tha mise tùrsach an dràsd’ Mo chreach lèir, gu la bràth gu’n dùil. Och! ’s ann aige ’bha ’m beul Bu mhath gu teasgasg a’ threud ’S brigh sòisgeul Mhic Dhé ’thoirt dhuinn. Mar chithear sneachda bho’n speur Dhòirteadh briathran bho ’bheul Séimh, tuigsineach, réidh, ro chiùin. [TD 299] Mar ghaoir sheillein am brùaich ’N deis nead a thoirt bhuap’ ’S amhuil cor do shluaigh do dhùthaich. Tha d’eaglais an diugh fàs Co ghabhas dith càs Chaill i ’n caraide b’aird’s a’ chuirt. . . . . . . . Oir tha fior agam fhéin Gu’m bith sonas is sith Agus sòlas gun chrich gu bràth leis.” An uair a bhris slàinte Mhr. Ailein, chaidh a chuir do dh’eilean Eiriscaidh. Thog a stigh dha fhéin, agus cha do stad e gus a fac e eaglais anns an eilean a tha cho grinn ri eaglais sam bith ’s an dùthaich. Bha meas mòr aig a h-uile duine air Mr. Ailean. Neach air bith a thachair air, bha iad ro dhéidheil air. ’S e duine fòghlumte a bh’ ann. Bha e ’na sgoilear Gàidhlig cho maith ’s bha ’sann dùthaich. ’S e rogha agus taogha ’bhaird bh’ ann. Sgriobh e Laoidhean a tha fior bhriagh, agus tha mi ’m beachd nach ’eil eaglais eile ’s a’ Ghàidhealtachd anns a faighear Laoidhean Gàidhlig ’gan seinn mar a sheinneas iad ann an eaglais Eiriscaidh. Bha eòlas mòr aig Mr. Ailean air luibhean na dùthcha, agus bha e ainmeil leis an eòlas a bha aige air sgeulachdan agus seann chleachdainean an t-shluaigh. Ach dh’fhalbh Mr. Ailean! Dh’fhiach e e fhéin fhalach, fhad’s a bha beò e. Ach cho luath ’s thàinig crioch air, sgaoil a chliù anns gach cearna. Bha na papeirean-naigheachd a’ stri ri chéile cho a b’airde a thogadh chliù, air allt agus gu’n cuala dòmhain gu léir mu Mhr. Ailean. Èisdeamaid ri bhriathran agus gabhamaid sùim ris na tha e ag ràdh. [TD 300] “Tha bràth agaibh bho’n chiad làtha a thàinig mi… cia mar a ghiulain mi fhéin maille ribh fad na h-ùine: a’ seirbhiseachadh an Tighearna leis a h-uile umhlachd, ’s le deòir, ’us buairidhean… Cia mar nach do chum mi aiteal bhuaibh a bha gu leas dhuibh, gun innseadh dhuibh, ’s gun a theagasg dhuibh gu follaiseach, ’s bho thigh gu tigh.” “Bithibh aoibhneach, a bhriathrean! bithibh coimhlion, gabhaibh comhairle, bithibh a dh-aon inntinn, bitheadh sith agaibh agus bithidh Dia ’na sith agus a ghràidh maille ribh.” Fòis agus tàmh soirruidh dh’a anam! GILLEASPUIG MAC DHÒMHNUILL MHIC EOGHAIN. CAS NO BAS [Beurla] [TD 301-307] [Beurla] [TD 308] [Beurla] FOCAILIN Is fada an la o bhi Gaedhil na hEireann agus Gaedhil na hAlban fa aon ri amhain. Do scaradar o cheile aimsir an Righ Aedh Mac Aenmire ins an mbliadhain 574 A.D. agus bhi “Home Rule” agus a righthe fein os cionn Albanach as sion i leith. Is docha go bhfuil eolas ar an meid sin ag gach aon Albanach indiu. Gidh nach rabhadar fa churam an ri ceadhna o aimsir Aedha mhic Aenmire ar a shoin sin nior fhag sin na go raibh caradas eatortha go cearna mile bliadhan ’na dhiadh sin agus ba mhinic do chabhradar le cheile. Bhi dream calma de Ghaedhealaibh na hAlban ar chluain Tairbh i nEirinn ins an mbliadhain 1014 [TD 309] ag cabhra le Brian Boirmhe i gcoinnibh Lochlannach, agus bhi dream laidir de Ghaedhalibh na hEireann ar Blàr-allt a’ Bhonnaich ag tabhairt congnaimh do Riobard Bruis. Feach cad deir an file Sasannach, Chaucer, i dtaoibh na nEireannach la an chatha mhoir ud:— “To Scottish … we ne’er would yield, The Irish bowmen won the field”. Ba mhor an truagh na’r lean na hEireannaigh agus na hAlbanaigh ar chabhra le cheile riamh o shoin mar dheanfadh an meid sin moran maitheasa dhoibh araon. Thainig na Sasanaigh idir Eire agus Albain agus cuireadh o na cheile muintear an dha thir. Ta an Sasanach ’ga ndeighilt gus indiu agus ni doich liomsa go mbeidh aon rath ortha araon go dtugaid siad druim lamha leis an Sasanach soin. Ni leigeann na hAlbanaigh ortha go dtuigid siad an meid sin ach muna ndeinid mar sin ni mheasimse gur feidir le daoine an da thir an sean-chion ceadhna do bheith aca ar a cheile fa mar do bhiodh ins an aimsir do ghabh tharainn. ’Se mo thuairm gur mhaith leis na hEireannaigh an tsean-bhaidh agus an tsean-charadas do bheith aca aris leis na hAlbanaigh, mar nior bhuail aon Eireannach liom ar feadh mo shaoghail ’na go raibh muinntearas na chroidhe aige do Ghaedhealaibh Alban. Deir siad mar seo: “Is d’ar dtreibh fein iad agus ba mhor againn acheile fado; ni maith linn amh go bhfuil uraim agus cion chomh mor soin ag an Albanach ar an Sasanach mar da reir sin chabhrochadh se leis an Sasanach ’nar gcoinnibhne agus ni mar sin do ghnidheadh se ins an tsean-shaoghal. Nior thugamair aon chuis ghearain do’n Albanach le bheith ’nar gcoinnibh. Mheall an Sas- [TD 310] anach, e, acht beidh failte againn roimhe aris ma thagann se isteach sa Ghedealtacht, agus beidh se ’na bhrathair againn aris le congnamh Dé.” Is é mo thuairm gurab e sin smuaineamh na nEireann ach agus ni mheasaim go bhfuil aon bhaoghal go ngeillfidh Eire do Shasana, ’na go mheidh cion aici uirthe go dtugaidh Sasana a ceart di. Ba mhaith le hEire cabhair na nAlbanach agus ta suil aici leis an gcabhair sin, acht ma ta se i ndan do mhuinntear an da rioghacht caidreamh dol bheith eatortha ar an chuma do bhiodh fado, ni fhuil aon nidh eile chomh maith leis an gcaradas subhailceach ud do thabhairt ar nais, leis an dteanga bhinn sin ar sinnsear do labhairt aris, mar is daoine sinn d’aon treibh agus d’aon chinneadh agus ta se do reir riaghlacha Dé aon teanga umhain do bheith againn. CONAN MAOL. DEER FORESTS [Beurla] [TD 311-322] [Beurla] [TD 323] [Beurla] AN T-ARM DEARG AGUS AN DEARG AMADAN BHA mi ’leughadh ’s na paipearan-naigheachd air an àm mu’n Rannsachadh mhòr a bh’ann dlùth do Dhun-eideann o chionn ghoirid. Bha seachd a’ chorr air 30,000 de dhaoine air an cruinneachadh, agus a’ chuid mhòr dhuibh o’n Ghàidhealtachd. Bha Righ Eideard e féin air an ceann, agus thug e suil gu geur orra ’na shean laoch mar a tha e. Fhuair mi fios o chuid gu’m b’e an Rannsachadh mor so am fear bu mhò a bh’ann o linn a’ 5mh Righ Seumas, an uair a bha Alba uile air an [TD 324] cruinneachadh fo armaibh chum dol gu cogadh ris na Sasunnaich. Co dhiùbh, ciod is ciall da so? An e ni maith no olc do Ghàidheil na h-Alba a bhith air an comh-cruinneachadh mar shaighdearan ’s an dòigh so? Deich mile thar fhichead de dhaoine air an cruinneachadh fo armaibh, agus a’ chuid mhòr dhuibh o’n Ghaidhealtachd! Le armailt cho lionmhor, cumhachdach ri sin, bheireadh sinn buaidh air na Sasunnaich gu léir; ach ’s e so a’ chuis, nam biodh toil is fàth againn an ni sin a dheanamh. An e ni maith no olc do Ghàidheil na h-Alba an cùl a chur ris an Arm-dhearg no nach ’eil? Tha cuid ag ràdh gu bheil: air an dara làimh, tha cuid ag radh nach ’eil. Ciod e, mata, mo bheachd-sa air an gnothach so? Gun teagamh, is feàrr agus is freagarraiche do Ghàidheal air bith a chùl a chur ris an Arm-dhearg shuidhichte, a chionn gur e an t-Armailt Sasunnach a th’ann. Tha feum mòr aig na Sasunnaich air an àm so air saighdearan. Car son? Chum gu’n cuireadh iad cinnich is dùthchannan eile fo smachd, agus o’n nach urrainn doibh am muinntir féin a thoirt a steach do’n Arm féin le duais ’s le tàladh is éiginn doibh sluagh eile fhaotainn, los gu’n lionamaid na brogan tha falamh, gun fhiù, aca a nis. Air mo chomhairle ’s e sin a’ chùis. Ach ciod e a thachaireas do na Ghàidheil, agus e cho amaideach gu bhi’n a shaighdear dearg ? Mur ’eil e cheana ’na Shasunnach thaobh inntinn is mothachaidh is cainnt, gu dearbh bithidh e mar sin an prioba na sùla. Tha a’ bhuil ann. Is e an t-arm Sasunnach a th’ann. Nach e an t-Arm Sasunnach a th’ann? ’Se Sasunnaich a th’anns na h-oifigich. Tha a’ chuid is mò de na daoine ’tha fo ughdarras doibh Sasunnach, agus tha a gach ni ’s gach neach a bhuineas dha Sasunnach. [TD 325] Cainnt is inntinn an dà ni bu chòir a bhi nan cuisean a’s dluith’ agus a’s priseile do chridhe nan Gàidheal—falbhadh iad sin oirnn nam bitheadh sinne ’n ar saighdearan Sasunnach. Gu dearbh, is dearg-amadan esan a tha ’treigsinn a dhachaidh is dhùthcha chum fuaim na druma Shasunnaich a leantainn. Tha Gàidheil na h-Eirinn a ’cur an cùil ris an Armailt Shasunnach aig an àm so. Foghnadh sin duinn mar eisimpleir mar an ceudna. Ach ciod e mo bharail-sa thaobh an armaillte neo-shuidhichte, “armailt nam Breacan” anns a’ Ghàidhlig—an t-Armailt ris an abrar ’s a’ Bheurla the Volunteers? Theagamh, tha cùis eile ann an so. Gun teagamh is maith agus is glic do Ghàidheil na h-Alba is na h-Eirinn iad a’ bhi làn-deanta ri armaibh, ma’s urrainn duinn gabhail a steach do’n armailt Sasunnach agus sinn fein a’ ghleidheadh o shalachadh. Ach neach air bith tha dol a steach do dh’armailt nam Breacan chum cinnich eile a shàrachadh no a mhilleadh, no ’n Iompaireachd Shasunnach a chuir am farsuinneachd—is fear-brathaidh agus amadan e. Rachamaid a steach anns an arm chum gu’n deanamaid sìth (no réite) air ar-son féin, agus air son ar dùthcha-ne. Cuimhnichibh air na daoine o’n d’thàinig sinn, agus air an sean fhacal, a tha ag ràdh:— “Is maith an duine còir; Ach ’s e duine còir fo armachd Ni’s fheàrr na esan”. Gun teagamh ma tha sinne lag, meath-chridheach, is aineòlach air armaibh, bithidh sinn air ar cur an dimeas le ’r naimhdean. Is e aonachd neart: ach ciod e sin duinn gun armaibh, gun neart? Thug sin buaidh air Sasunn gu h-iomlan ach beag ’s a’ bhliadhna 1745. Bha Alba uile deanta ri armaibh [TD 326] aig an àm ud, ach, gun chleachdadh ri armaibh, cha’n urrainn sinne a dheanamh na chaidh a dheanamh air an àm ud. Is ann mar sin a bha. Ach a nis tha Sasunn ’n a charaid duinn, ma ’s fior na tha iad féin ag ràdh air an àm so: agus, leis a sin, tha sinn dol gu cogadh an aghaidh a naimhdean-sa, o’n nach ’eil comas no cumhachd aige a chùisean fein a chur air adhairt! Gu dearbh, is taitneach sin! Nach iongantach am buidheachas bu chòir a bhi oirnn? Agus car son, nach ’eil? Nach e Gàidhealtachd na h-Alba tha na tir bhainne is mheala? Nach ’eil ar gleanntan ’s ar srathan féin luma-làn de mhuinntir, sona, is soirbheach? Nach ’eil an talamh fo ar chasaibh féin againn féin ’s le ’r cuid cloinne? Agus ar cuisean féin, nach iongantach a leithid sin de chaoimhneis ’s de bheachdachaidh a tha iad faotainn ’s a Pharlamaid ann an Lunnain? Mo thruaighe! na Gàidheil neo-mhisneachail, dìm-buaidheach sin, air a bheil mi-thaingealachd ’thaobh Shasuinn nan tiodhlaicean! Thugadh ar saorsa mar chinneach air leth air falbh ’s a bhliadhna 1707, agus o’n àm sin tha sinn ’suidhe aig casan nan Sasunnach, co dhuibh, tha iad ’n an fior-chairdean ruinn no nach ’eil. Tha gaol aca aig an àm so do na h-Iaponaich, mar an ceudna! Tha gaol is déidh aig na Sasunnaich daonnan, cha’n ann air son na feadhnach tha ’toirt cuideachaidh riu fein, ach air son neach air bith tha ’toirt cuideachaidh riu-san! Bha feum aca o chionn ghoirid air saighdearan chum criochan Innsean na h-aird-an-Ear a dhion o’n Russianach—o’n nach ’eil comas aca an gnothach sin a dheanamh gun chuideachadh leo féin. Mar so thuit iad ann an gaol mòr air na h-Iaponaich: agus s’ann (ma’ s e fior) a bha meas aca do mhuinntir chalma thuigseach nan eileanan so, agus thug na Sasunnaich orra [TD 327] còrdadh a dheanamh eatorra, le sùil aca féin ri’n seilbhean féin ann an Innsean na h-aird-an-Ear, agus ann an aiteachan eile air feadh an t-saoghail. Nach iongantach a’ mhuinntir a th’anns na Sasunnaich! Bha “cluichean Gàidhealach” ann o chionn ghoirid, dluth do dh’Inbhirnis, agus bha Gàidheil is Iaponaich le cheile á lathair. Rinn an caraid òg iomairt is togail ris an t-sean-charaid do Shasunn, agus bu mhòr is àrd an tlachd a bh’ann. Chùm na Sasunnaich an sùil gu geur orra. B’ann mar sin a b’abhaist doibh! An ceann beagan bhliadhnaichean, ni na h-Iaponaich agus na Russianaich iomairt ri cheile air blàr Innsean na h-aird-an-Ear, agus mur ’eil mi air mo mhealladh bithidh na Sasunnaich à lathair a rìs le suil aca ri geall, agus ’gam brosnachadh gu cothrom na Feinne! B’ann mar sin a b’abhaist doibh! Anns na linntean a dh’fhalbh, b’abhaist do Ghàidheil na h-Alba éiridh fo armachd air uairibh chum droch chomhairlichean a chur a mach o chomhair an Righ. Is ann mar so a bha ’nuair a bha Alba ’n a rioghachd shaor, air a bonn féin le a righibh, ’s a laghanna, ’s a cainnt, ’s a cleachdaidhean féin; agus bu mhòr am feum a bh’ann air son a leithid sin de ghiùlan, mar a tha ar sean eachdraidh a’ nochadh gu soilleir dhuinn. Gu dearbh, tha droch luchd-comhairle ni ’s leoir fo chomhair an Righ aig an àm so—daoine fein-chuiseach, aineòlach, sanntach, uaibhreach, cuil-bheartach, agus aig nach eil facal maith ’nan cinn as leth muinntir na Gaidhealtachd, no ’chainnt no na cleachdaidhean a tha aca. Ach ciod tha sinn a ’deanamh aig a’ cheart àm so gu droch luchd-comhairle a chur air falbh à lathair an Righ? Rùnaich cuid de na daoine so o chionn ghoirid na duaisean sonraichte, a tha na maighstirean- [TD 328] sgoile ann an Eirinn a’ faighinn airson teagaisg na Gàidhlige, a thoirt air falbh. Thàinig na duaisean so gu £12,000 Shasunnaich ’s a bhliadhna, agus is mòr agus tròm am bacadh a tha iad dol a’ chur air a’ Ghaidhlig leis an ordugh mi-rùnach dimeasach so. Is ann air son ni bheannaichte sin ris an canar Economy ’s a’ Bheurla ’tha iad ’deanamh mar so: ach is cealgairean, fir-aithris-bhreug iadsan. Nam b’e economy a mhàin ris an robh an suil, bheireadh iad na duaisean so seachad gu h-iomlan. Ach ciod e ’tha iad dol a dheanamh leo? Cha toir iad air falbh iad idir, deir iadsan, “ach cuiridh sinn iad air còcaireachd is an Fhraingeis!” Gu fior, ’s i a’ Ghàidhlig a mhàin a tha iad a’ fuathachadh: cha’n e còcaireachd no’n Fhraingeis anns am bheil iad ’gabhail tlachd mòire! Tha aon ni eile ann air am feum mi iomradh a dheanamh mu’n toir mi crioch air na briathran so. Labhair luchd-sgriobhaidh is luchd-comhairle na riogachd mòran nithe as ùr ’thaobh daingneachaidh chum muinntir is dùthcha—ni ris an abrar ’s a’ Bheurla national efficiency: ’nis ciod e national efficiency agus co iad ’tha labhairt mu dheidhinn aig an àm so? Tha national efficiency a’ ciallachadh daingneachaidh, sabhailteachd agus dion air Sasunn a mhàin: agus tha an t-Iarla Rosebery agus Ioseph Chamberlain ’nan ard-fhaidhean dheth. ’Siad sin ris an canar Missionaries of Empire ’s a’ Bheurla, agus is mòr agus nimheil an spairn agus stri ’tha eadar an dà laoch sgaiteach so. Ach ciod so, no iadsan, dhuinn? Chunnaic sinn, mar chinneach air leth “Sasunn laidir” iomadh uair, agus o chionn iomadh bliadhna, agus am bheil sinn ni’s fheàrr dheth a nis ’thaobh nan uile nithe ’tha feumail dhuinn mar mhuinntir air leth, na bha sinn anns na linnibh a dh’fhalbh? Ciod e “Sasunn [TD 329] laidir” (no lag is faoin) dhuinn fein? Nach Sasunn a mhàin a th’ann? Gu dearbh, gu dearbh, cha’n ’e a’ Ghàidhealtachd no Albainn a th’ann. Thuig ar sinnseara so gu math, agus, leis a sin, chog iad ris na Sasunnaich uair is uair, cha’ n’ ann air an taobh mar a tha sinn a’ deanamh, air an àm so. Agus ged a chaidh an ruaig a chur orra mu dheireadh mu’n àm ris an abrar “Bliadhna Thearlaich” is dona a thig e dhuinn a’ bhi daonnan a’ striochdadh ri agus (ni a ’s miosa na sin) a’ bhi’ cuideachadh ar naimhdean, agus sin anns na slabhraidhean a chuir sinn orinn fein. National efficiency ciod e sin dhuinne? ’S e bheir freagairt gu ceart do na cheist sin, ar gleanntan fàsail, neo-threabhta, gun mhuinntir ’s ar taighean briste, léir-sgriosta, ’s ar cinneach is muinntir ar gràidh air am fuadachadh a mach do gach cearn ’s do gach aite de’n t-saoghail. Gu dearbh tha national efficiency cosmhuil ri deirceachd—’s e sin ri ràdh bu choir dha ’toiseachadh ’nar measg fhein, air neo tha è ’na sheorsa de dh’fhochaid ’s de chealgaireachd a mhàin. Tha e ’na amadan ’na aonar—gach neach ’tha ’dol a steach do’n Armailt Shasunnach, a chionn ’s gur e an t-arm Sasunnach a th’ann. Tha Arm nam Breacan beagan ni’s fhearr na sin, chionn ’s gur e seorsa de dh’armailt Gàidhealach a th’ann; ach co dhiùbh a ’s fearr no a ’s miosa e na sud, ’s e so ar comhairle féin do na h-uile fear “Cuimhnichibh na daoine o ’n d’thàinig sibh,” agus cumaibh bhur n’ urchuir air a h-ais! Theagamh gu’n d’thig an làtha sin fhathast anns am faod sinn a ràdh a ris. Bithidh an oidhche na h-oidhche nam biodh na gillean ’nan gillean. FEAR-TOGAIL NAN SPRAIDH. [TD 330] GAELIC ARTS AND CRAFTS ARCHITECTURE [Beurla] [TD 331-339] [Beurla] [TD 340] [Beurla] GUTH Ó THIR NAN ÓG RATH ó ghrein agus ó ghaoith oraibh, rath ó mhuir agus ó thir oraibh, rath anuas agus rath anios oraibh, a shliocht na bhFiann. Buadh tréine, buadh féile, agus buadh filidheachta agaibh, agus beannacht an fhir ghlégil Columcille, teachtaire an Riaraidhe Mhoir. Mise Feargus mac Fhinn agaibh, a thainic ar cuairt chughaibh ó Thir nan Óg, agus seo dhuibh m’ imtheachta. Och monuar! an chéad uair riamh a bhi me ins an tir aluinn seo bhi Fionn le m’ chois, agus [TD 341] Diarmuid Ó Duibhne, agus Oisin, agus Oscar, agus moran eile de’n Fhéinn. Bhi ceol agus aoibhneas againn, agus sealg ar sliabh, agus marcuigheacht ar eachaibh; agus do chlos duinn fuaim na h-adhairce agus guth nan gadhar imeasg nan gleannta. Agus do chuadhmar ar ais go h-Eirinn. Agus do thuit Fionn agus Oscar agus mise i gcath Ghabhra. Agus do chuadhmar sios as san go Tir an Uaignis. Och monuar! Tri chéad bliadhain dom i dTir an Uaignis, agus, an rae céadna d’ Oisin i dTir nan Óg. Thainic Oisin ar ais go hEirinn, agus do chonnaic Padraic mac Alpruinn é. Agus do rug Padraic Oisin leis go Tir na Naomh. Bhi Niamh chinn Óir bean Oisin go dubhach bronach ag caoineadh Oisin, go bhfuair Oisin d’ athchuinge ó Phadraic mise dh’fhuasgailt ó Thir an Uaignis, agus leigint dom dul go Tir nan Og ag cantann laoi do Niamh chinn Óir, ar ghail agus ar ghaisge agus ar fhéile na Féinne. Agus tagaim ar an gcuairt seo uair ins na tri chéad bhiadhain ar m’ each caol bán. Ar mo chéad chuairt ó Thir nan Og bhi Suidhe Finn agus Dun Diarmuda ’n a bhfásach. Thainic me ins an tir seo ar thuairisg na bhFiann, agus nior chualaidh me rosg catha ná fuaim cloidhimh re sgéith, acht cléirigh agus maighdin ag cantann salm. Ba bhinn an ceol san, acht ba bhinne liomsa ceol cloidhimh ar mhachaire an air; agus, do chuaidh me ar ais go Tir nan Og. Tri chéad bliadhain eile dhom annsan gur thainic me aris. Fuair me Brian agus Maoil-sheachlain ag cosgairt Danar in Eirinn, agus fuair me Maolcholm ag cosgairt Danar in Albainn, agus d’ fhill me go meidhreach go Tir nan Og ag cantann laoi agus rosg catha do Niamh. [TD 342] Rae tri chéad bliadhain eile, agus chonnaic me cruadh chomhrac agus gniomhartha gaisge, agus an cath dá chur go dian ag Danair ar fhearaibh Eireann. Agus bhi iomarbhadh idir chlannaibh Baoisgne agus chlannaibh Mórna. Thainic me anail thar Maoil do’n chor soin, agus chonnaic me Danair dá n-éirleach agus dá ruagadh as Albainn ag Roibeárd Brús; agus bhi adhbhar laoi agus rosg agam ag filleadh dhom go Tir nan Og. Tri chéad bliadhain eile agus thainic me aris; agus bhi neul dubhróin os cionn Eireann agus Albann. Tir Chonaill agus Tir Eoghain ag caoineadh na dtaoiseach a bhi ag imtheacht tar sáile, ag caoineadh na laoch a dh’imthig agus nár thainic. Agus bhi Fianna Albann go deorach ag caoineadh na mná manla do cuireadh chun bais go gránda insa charcair iasachta. Ochon na treun-fhir, dá ndibirt as Eirinn. Ochon an choróin riogdha, dá leigint as Albainn choidhche. Is troma-chridheach a bhi me an uair sin ag dul thar n-ais dom; agus bhi rún agam gan teacht ins na tiorthaib se go deo aris. Acht tar éis tri chéad bliadhain eile isé do ráidh Niamh, “Sgeala Chlanna Gaedheal agat dom, a Fhearguis”. Do ghluais me aris, agus mo bhuaireamh cad é seo dochim:— Sliocht nan Gaedheal i ngéibhean chruaidh, Gan duan ná dreucht, acht Beurla fuar, Gan aoibhneas séin, gan eucht ag sluagh, Ná gniomhartha treuna ag éigse ’a luadh. Is beag a shil me go bhfeicfinn go brath sibh in chás so. Is baoghal liom, nuair a chloisfidh Niamh an sgéula ata agam go mbrisfidh a cridhe le h-uabhar agus le náire. A Ghaedheala Albann, feuchaidh in bhur ndiaidh agus feuchaidh romhaibh. Ma thréigeann [TD 343] sibh caint agus ceol agus laoithe agus meanma na bhFiann ni bheidh de shliocht agaibh acht Danair dúra go brath aris. Bhi agallamh agam le Righ Fheinnibh na hEireann indé, agus do chuireadar iad fein fé gheasaibh fior laoich go leanfadis raon na bhFiann. Sin iad na geasa ata uaim oraibh-se a Righ Fheinnidhe Albann. Muna bhfuigh me uaibh iad cáinfidh me sibh, agus aoirfidh me sibh, go dtógfaidh me tri cluig ar eudan gach mac mathar agaibh. Agus ma thugann sibh dom na geasa san beidh áthas ar mo chridhe ag filleadh dhom go Tir nan Og. FEARGUS FINNBHEIL. THE SCOTS AT CLONTARF [Beurla] [TD 344-352] [Beurla] [TD 353] [Beurla] CIAD MHAC RIOGH AFRICA [An so sìos focal air an fhocal leis an Ollamh Seòrus Mac Eanraig o bheul-aithris Iain Mhic Fhiongain, an Dalabrog, Uidhist Chinn A Deas.] Bha Africa uile gu léir aige dha féin. Cha robh aige shliochd ach dithis ghillean agus dh’éug a bhean air. Cha do phòs e riamh tuilleadh. Bha e fhéin a sin a fàs sean agus a tuiteam sìos le h-aois. Dh’fhàs e sin bochd s laidh e suas air leabaidh. Nuair a dh’aithnich e gu robh ’m bàs air chuir e fios air a dhithis mhac airson gu’n dianadh e ’thiomnadh riutha. Thuirt e riutha gur h-e’n lagh a bh’aig righrean eile mar a chual esa riamh bho thùs bhi toirt tiotal agus fearainn do’n chiad mhac, ach nach b’ann mar sin a dhianadh esan; “a chionn, ’illean, tha fhios agaibhpse [TD 354] gu bheil a h-uile fear agaibh cho dligheach agus se’n aon rud bonn dhe na bhonn dheth gach nì bhi agaibhsa dheth na bhios mise fàgail as mo dheoghaidh. Riutsa (os esan), ris an fhear bu shine, tha mise ag earbs an gnothuch a dhianamh ceart agus dligheach. Thoir do cheart aire gu bheil mise ag earbsa riut bonn dhe na bhonn thoirt do d’bhrathair òg mar bhios agad fhéin; cha’n eil mo chaistealsa cho faoin agus ma phosas sibhse nach bi e cho mór s gu faodadh bean a fear bhi agaibh ann gun a chéil’ fhaicinn fad na bliadhna. Air an taobh eile mur cord sin, tha Africa farsuinn s faoduidh sibh leth an aoin bhi agaibh s crann a chur mu dhéighinn.” Is ann mar seo a bha. Chaochail an Riogh s thiodhlaic a chuid mac à. (1) ’Nuair sin bha dithis chlann an Righ a falbh dh’ionnsuidh na beinn-sheilg a h-uile la diag sa bhliadhna; cha robh’n còrr cosnaidh aca; air dhaibhsan bhi ris an obair sin thuirt am fear bu shine gu’n dheonuich e posadh s nam bu deonach esan gu’n tugadh e dhachaigh a chaisteal athar i a bhi dianamh co-chuideachaidh dhaibh fhein le chéile. An uair sin phos am fear bu shine dhiubh; thug e dhachaigh a bhean ’s rinn e bainnis mhor eibhinn aighearach bha seachd la agus seachd oidhche na suidhe. Bha bhrathair òg an uair sin ceart cho gaolach air a mhnaoi ris fhéin gad nach d’robh e dol na dh’aon leabaidh rithe. Bha ià-san dol a shealg mar a b’abhuist. Fhuair ead moran shaighdearan s moran oifigearan s bha ead ag geaird a chaisteil. Là dhe na lathaichean shuidh ead air an tom sheilge: thubhairt a fear bu shine cha’n urrainn a bhith gu bheil thu cho toilichte riumsa ’s mar sin tha mise ag orduchadh dhuitsa posadh agus (1) Dialectal for e = him. [TD 355] bean fhaotuinn; cha’n eil feum sa bith againn air ar cuid a roinn mar a dh’àithn t’athair ach dur bhios sinn pòsd’ roinnibh (1) sinn bonn air bhonn. “Tà gad a dhianainns a sin,” os a fear og, “tha fhios agam gad nach fhaiceadh na boirionnaich a chéile fad bliadhna gur h-e dol far a cheile nì ead.” “Ma tà,” os a fear bu shine, “cha bhith sin mar sin; faodaidh sin cnaimh-aimhreit a thogail eadar mis’ agus tusa; tha Africa farsuinn s cuirinn (2) sinn litir gu taobh tuath Africa caisteal thogail a sin; nur bhios sin dianta s na h-iuchraichean a’sna glasan cuiridh sinn dà chrann dh’ fhiachainn co theid ann, mise no thusa.” S ann mar sin a bha. Thainig ead dhachaigh ás (3) a bheinn-sheilg. Sgriobh ead gu luchd-ciùird gu h-ealamh gu taobh tuath Africa caisteal a thogail. Sgriobhar air ais gu’m biodh sid dianta aig àm mar bha iàd-san ag iarraidh s nach robh sion a dhìth orra-san ach obair. Leum a’ luchd-ciùirde rompa gos an robh ’n caisteal ullamh gus na chuir ead na h-iuchraichean air na glasan am muigh agus a stigh. Dar a rinn ead sin sgriobh ead a dh’ionnsuidh Riogh Africa le cunntais mu fhad ’s a liad s na bh’ann a sheomraichean. Chairich Clann Righ Africa an t-airgiod air falbh. An uair sin bha clann an righ dol a shealg mar bu ghnath dhaibh o thus. Thubhairt fear bu shine ris an fhear a b’oige gu’m b’fhearr dhàsan posadh s gu’n cuireadh ead cruinn, gu’n robh esan deonach falbh nan tigeadh an crann air gad bha bean agus dragh aige. “A bhrathair ghaoilich! tha bean agus dragh agadsa mar nach eil agamsa s falbhaidh mi do’n chaisteal (1) For roinnfidh = roinnidh. (2) So the reciter. (3) á in this word thus accented means that the pronunciation is with short, open e and not a. [TD 356] shin (1) gu deonach gun chrann a chur ged is e caisteal m’athair is docha leam air an t-saoghal.” Thuirt e ris gu fagadh e seann chaisteal athair (2) aige o b’e bu shine s bho’n bha esan gun dragh gun tòrachd air gu falbhadh e fhein. Rainig a fear og nuair sin taobh tuath Africa na aonar fada goirid dha’n tug e air an rathad. Nuair a rainig e e s nuair chunnaic e’n caisteal bha e a cordadh ris cho math ri caisteal athair. Se’n aon fhada s an aon mhiad a bh’annta. Bha fear og a sin a dol a shealgaireachd an taobh tuath Africa mar a bha e cleachdadh s mar a bha e cur roimhe mar ghnàths. Nuair sin bha e a coimhead mu’n cuairt dh’fhiach an tachradh boirionnach air chum gu’m posadh e i. Thachair a sin boirionnach mor briagh ris na rioghachd fhein s thubhairt e rithe gu na ghabh e cuid dü (3) ghaol anamanna oirre s dh’fheoruich e dhi biodh i toilicht a phosadh. Rinn ead airson posadh s rinn ead bainnis mhor eibhinn aighearrach an sin dhaip fhein. Thug e dhachaigh bhean d’a chaisteal fhein. San àm sin lean esan a sealgaireachd mar bha e fhein a cleachdadh bho thus. La dheth na lathaichean is ann a smaointich e gur ceacharra rinn e s gu’m bu dona rinn e nach d’fhiathaich e bhrathair bu shine chum na bainnse mar bu chòir dha. Sgriobh e gu bhrathair bu shine s ghearain e ris an dearmad a rinn e. Bha bhrathair bu shine a gabhail a lethsgeuil, nach robh duine sam bith a dianamh leithid sin gun bhi dearmalach aig an àm. Nuair sin sgriobh a bhrathair ga ionnsuidh nach robh esan cho bochd s nach fhaodadh ead bainnis dhianamh eadar dhaibh fhein mar thoileachas agus mar shòlas a chionn gu robh bean a fear ac’ agus gu faigheadh esan a dha roghainn ar (1) For sin. (2) = athar. The reciter often made no difference between r and ir in these forms. (3) = de. [TD 357] n-eadh fios a chur chuige-san banais a dhianamh san aite bu docha leis, ann an seann chaisteal athairsa ar neo na chaisteal fhein. Sgriobh a fear og ga ionnsuidhsa nach fhac e aite fhathast a bu toilichte leis bainnis a bhi innte na ann an seann chaisteal athair comhla ris fhein. Sgriobh am fear bu shine ga ionnsuidh e thighinn air aghart e fhein s a thriall s air cho mar (1) s dha’m biodh i gur h-e bonn air a bhonn dh’fheumadh bhi ann. Dh’uidheamaich a fear og e fhein s a chuid daoine s a chuid cairtean airson dhol gu taobh tuath Africa s dh’fhag e bhean a stigh na chaisteal fhein. A’s an àm sin bha péids aig an riogh òg s dar dh’fhalbh e fhein agus a thriall ghearain e gu’n dh’fhag e dìochuinn sa chaisteal s gu’m feumadh e tilleadh gu iarruidh agus dh’iarr am peids airesan tilleadh air ais mu’n tugadh duine sam bith’n aire dha gu’n d’fhag e’n urrad ad cearbach. Air dha tilleadh dhionnsuidh a theagh fhein, fear a b’airde dhe na h-oifigich fhuair e cuideachd ri mhnaoi ann san leabaidh. Dh’fhalbh e s dh’fhuaith e comhla ris an leabaidh ead s dh’fhag e sid ead. Thill e air ais s mu’n d’ghluais duine s a chammp bha e aca s cha do leig e air gu’n do chairich e. La ’n na mhaireach tharruing ead air ais ead fhein s an triall gu taobh deas Africa. Dh’innis esan dha’n pheids bh’aige fhein mar dh’eirich dha s dh’iarr am peids air seo chumail air fhein gun a leigeil air ri neach sam bith. Mu’n do stad air an t-sriop sin rainig ead seann chaisteal athair. Rinn an dithis bhraithrean toileachadh mor ri cheile agus gairdeachas. Dh’uidheamaich iad (2) iad fhein chum gu’n dianadh ead (2) bainnis mhor eibhinn aighearach bhiodh ainmeil tlachdail ann sna h-uile doigh. Rinn ead sin ach nuair a bha (1) = mór. (2) Both forms used thus, the diphthongised form and the form with short, open e. [TD 358] bhainnis cruinn s a fear og a cosg uidhir ri bhrathair cha tigeadh e an cŏir na cuideachd s a bhrathar gu sprogadh. Lean e fo sprochd s fo leann dubh s cha robh fhios aig a bhrathair gu de bha e ciallachadh. Seo seachad, dh’fheoruich an fhear bu shine bu mhath leo falbh chom na seilge mar bu ghnath dhaibh ’nan oige, ead fhein s an cuid sluaigh. Cha robh fear og deonach falbh ach fo sprochd s fo mhulad san t-seann seomair a bh’aig athair an druim an teagha. Chomhairl a bhrathar bu shine dha falbh le uidheam le ghunna s le chomhlan daoine. Nur rainig ead cnocan thill esan cho’n cheart bhad ás an d’fhalbh e. Bha duil aig’ na dh’fhag ead aig an tigh nach robh duin air sgial. Bha e coimhead a mach bharr na h-uinneig. Cha robh e fada mar sin nur chunnaic e’n t-oifigeach bu mho agus naonar eile tighinn a mach s bean a bhrathair agus te a fear s iad a laidhe leo ann sa ghàrradh. Smaointich esan an uair sin aige fhein gu’n robh ’n fhàgail ad aig na h-uile gin. Am bial na h-oidhche chaidh e’n comhdhail a bhrathair s dhinnis e dha rud a chunnaic e. Nur a dhinnis e seo dha bhrathair cha chreideadh e à. La ’r na mhaireach bha àsan a falbh a shealgaireachd mar a b’abhaist. Nur dh’fhalbh na saighdearan thill an da bhrathair le cheile s leig ead cach air aghart do’n bheinn sheilg. Nuair sin chunnaic a bhrathair bu shine le dha shuil an ni bha esan ag radh s chreid e seanchas bha bhrathar og ag innseadh dha. An uair dh’innis a bhrathar og dha rud a thachair ris fhein thuirt fear bu shine ris gu faodadh gu’n robh ’n fhàgail ad aig an t-saoghal uile s nach b’urrainn daibh thighinn as aonais. “Cha mharbh mis’ a bhean idir mar a rinn sibhse ach cuiridh mi air falbh i s gheobh mi téile dhomh fhin.” Cha robh air a sin ach sin fhein. [TD 359] Nuair thainig na h-oifigich dhachaigh, là na mhaireach ghabh iad tàmh. An là sin thill ead air ais s bha iad san t-seombar air an doigh chianda dh’fhiachainn co no de a chitheadh ead cearr no ceart. Air an là sin fhein gu de a mhuthaich a fear og ach spéill (gruthann) dhe na cearcan s an coileach g an iomain. H-uile te dh’fhanadh air ais chuireadh an coileach air aghart i comhladh ri cach. Dh’fhoighnic e ri bhrathair, an robh e a faicinn an obair bh’aig a choileach ag iomain an treud chearc? Gus am biodh smachd aig a h-uile fear air a mhnaoi s gu’n cumadh e bhean fodh chiseag nach biodh an gnothuch doigheil. Os a fear bu shine, “tha mi tuigsinn gu bheil sin ceart gu leoir ach gidheadh cha mharbh mis’ i ach cuiridh mi air falbh i”. Dh’fhalbh fear og an uair sin gu rioghachd fhein. Nuair chuir a righ sin air falbh a bhean dh’iarr e air fhear-comhairle bean og a thoirt uige h-uile oidhche na bhliadhna s a marbhadh ann sa mhaduinn a maireach. Thoisich a fear-comhairl aige air sin a dhianamh. Thug ead ùin mhor air an obair sin, e fhein s fhear-comhairl ann sa staid sin chor agus gu’n robh a chuis collach nan leanadh a Riogh air an obair sin nach biodh boirionnach beo fad Africa. Bha dithis nigheana mora briagha aig an fhear-chomhairle s ead a faicinn a ghnath dhiol bh’air na boirionnaich. Dhoighnic ead da’n athair na mharbh e boirionnach an diu. Thubhairt e gu’n mharbh s gu’m marbhadh e t’èile maireach. “Feumaidh tu,” os ise, mise thoirt an nochd do’n Riogh. As esan: “de am beachd a th’agad smaointinn ma theid thu dha’n Riogh gu faod mise t’fhagail beo na’s mugha na dh’fhaodas mi t’éile”. Thubhairt an nighean gu’m feumadh gu’n tugadh e ann i s gu’n rachadh e ann gun taing chor s gu’m b’urrainn di radh gu’n robh i aige mar mhnaoi ’na [TD 360] bean aon oidhche. Thubhairt esan an uair sin nach d’eirich riutha ach mar a dh’eirich dha’n damh dha’n asal. “Gu de,” os ise, “dheirich dha’n damh s dha’n asal?” “O,” os esan, “se bh’ann a sin sgialac.” “Ma tà,” os ise, “nach gabh sibh dhuinn an sgialac air chor is gu’n cluinn sinn i.” “Ma ta,” as esan, “tha mi gle dheonach.” Bhuail e sin air innse dhaibh gu robh treobhaiche aig duin uasal aon uair s gu’m biodh e treobhadh am bicheantas leis an damh bh’aig an duin uasal s nach robh beothach sam bith aig an duin uasail airson treobhadh ach an aon damh. Bha aiseal aige s bhiodh e aige fhein a marcachd air a mhuin na h-uile latha dh’fhalbhadh e bho’n tigh. Cha robh ’n t-aiseal dianamh car cruthaicht (pron. c-r-u-i-t) ach sin. Cha robh damh a faighinn sgăth ach canabhalach garbh chruaidh chrineachd bh’an treobhaich a tilgeadh uige s a stall. Bha’n t-aiseal a faighean pronn cruithneachd agus bhriosgaidean ann an leann am brainn tuba airson gu’m biodh e air a dheagh bheathachadh. Nuair dh’fhalbhadh an treobhaiche leis an damh bhiodh a leisean fuar fliuch. Bha’n t-aiseal air a chìreadh s an deagh bheath aige h-uile là diag sa bhliadhna. Bha iad air an suidheachadh mar sin ach oidhche dheth na h-oidhcheachan nur thainig an damh dhachaigh s nur dh’ith e roinn dhe an fhodair gharbh chruaidh chruithneachd laigh e s leag e osann throm bhruit ás. “Is trom t’osann,” as an t-aiseal, s e shios. “O seadh,” ors an damh, “ciod a ni mi? Bheirinnsa comhair ort nan dianadh tusa mar a dh’iarainnsa ort cha ruigeadh tu les (pron. as Eng. Less) bhi air do sharachadh mar a tha thu s bhiodh do bheath cheart cho math ri m’ bheatha fhin. Siud an rud a nì thus, maireach nuair thig an treobhaiche mor ga d’iarruidh s a bheir e leis air falbh a threobhadh-thu nuair a bheairtaicheas e thu ann sa chrann s [TD 361 nur a shrachdas e air falbh thu gabhadh tu cam a null agus cam a nall leis agus cha dion thu aon sgriob dhoigheil. Eiridh esan air do shrachdadh s air do chuipeadh le chuid lainichean ach ann sa spot laigh thusa s leig ort gu bheil thu bochd. Nuair sin (os esan) feumaidh’ treobhaiche do leigeil ás s do thoirt dhachaigh do’n stabull s na h-uile seorsa ’s fhearr thoirt dut nur bhios e smuainteachadh gu bheil thu bochd.” Rinn an damh mar a dh’iarr an t-aiseal. Nuair a dh’fhairlich an damh air an treobhaiche b’fheudar an treobhaiche leigeil ás s dh’imich e dhachaigh leis dha’n stabull. Cha robh seorsa beath b’fhearr na cheile nach do dh’fhiach an treobhaiche ris an damh s e smuaintinn gu robh e bochd. Sa spot na thilg e biadh dho na damh (1) dh’fhalbh e dh’innseadh do’n duin uasal, a mhaighstir, gu’n robh ’n damh bochd. Nur chaidh e ga ghearain fhein thubhairt an duin uasal, “cha’n eil fhios a’am ciod a nì thu mur toir thu leat an trusdair aiseal sin as an stabull; fiach an dian e aona sgriob dhut”. “Cha mhor as fhiach na nì e,” os an treobhaiche, “an t-aiseal fhein.” “O! gu de’n cothrom air,” os an duin uasal; “ach thugaibh sibhse leibh e ged nach biodh e ach thu fhein se fhein nar seasamh ann sa phairic.” Rinneadh seo. ’Nuair a rainig e cheanabhag chuir e’n t-aiseal ann sa chrann agus bheartaich e e. Tharruing e air falbh leis an aiseal agus bhuail e air treobhadh. Mhuthaich an duin uasal dha’n treobhaiche treobhadh s dh’fhalbh e dh’fhaicainn de bha ead a dianamh. Thainig gu leoir dhaoine choimhead an aisil s ma thainig thainig am feoladair mor s ioghnadh air. Dh’fhoighnic am feoladair, c’ait an robh ’n damh mor. Thubhairt an duin (1) = do’n damh. [TD 362] uasal gu’n robh ’n damh mor a stigh agus e bochd. “Nach ceannuich thu’n damh? Gu de bhios e orm ?” “Bidh e lethid seo ort.” “Se mü chuid e,” ars am feoladair. Dh’fhalbh am feoladair s dh’fhalbh an duin uasal dhachaigh am bial na h-oidhche. Nuair thainig an treobhaiche dhachaigh bha’n damh ann sa stabull roimhe leis an aiseal. Dhoighnic an damh dha’n asail: ciamar a chord obair an là’n diugh ris. “Chord gle mhath,” ors an t-aiseal, “ach s coma dhut-sa de th’ann, tha thu air do chreic an diugh ris an fheoladair mhor s marbhaidh e maireach thu. Tha aon chothrom agamsa ort (ors an t-aiseal), nach ith ead m’ fheoilsa gu brach.” Is e seo ’n sgiala bh’aig an fhear chomhairle dha dhithis nighean fhein. “Cha dubhairt sin dad,” ars an nighean, “feumaidh gu’n teid mise comhla ris an righ air na h-uile cor.” Dh’fhalbh piuthar comhla rithe gu dorus an Righ. Dar a choinnich an righ ann sa dorus e dh’fhoighnic e gu de chuir air tighinn leis an nighean aige fhein da ionnsuidh-san, gu’m feumadh e marbhadh là na mhaireach cho math ri teile. “Ni mise sin,” ors a fear comhairle, “mar tha sibhs ag iarraidh.” “Bheil sibhs (ars an righ) deonach thighinn stigh comhladh riumsa seo an nochd agus t’athair thoirt dhiot a chinn am maireach?” “S mi tha,” os is, “ach ’s ann na chumhnantan tha mi deonach dol ann.” “De na cumhnantan a ghalad tha thu’g iarraidh,” ors an righ. “Cha’n eil sion ach mo phiuthar bhi ann an aite claistinn domhs agus do’n riogh gus am bidh ’n ceann air a chur dhiom air a la maireach.” “Cha’n eil do chumhnanta (os an righ) trom na cudthromach agus faodaidh sinn an toirt dhut.” Nur thuirt an nighean seo ris an riogh thuirt i gu gabhadh i leabaidh-làr mur biodh leabaidh fhreagarrach ann di. Thubhairt esa gu [TD 363] faigheadh i sid agus gu dianar siud suas air a son. Thugadh a stigh dithis chlann an fhir chomhairle a sheombair an righ. Fhuair an nighean nach robh dol a dhianadh car na h-aon oidhche comhladh ris an righ leabaidh dhi fein s chaidh a piuthar a laigh leis an righ mar bu choir dhi. Nuair thug an righ lamh air a mhnaoi dh’fhoighnic an te bha thall: “bheil sibh ’n ’ur dusgadh a Riogh?” “S mi tha,” os a Riogh. “Nam biodh sibh cho math,” as an nighean, “s gu fanadh sibh ’n ’ur dùisg gus a gabhainn fhin sgialachd dhuibh bhithinn fada’n’ur comain.” Thoisich a piutharsa thall ri gabhail sgialachd. Dh’iarr i air s gheall an Righ fuireach na dhuisg. Nur a chunnaic ise colas an la tighinn ghrad sguir i. “Bheil sibh ullamh dheth na sgialachd?” ors an riogh. “Cha’n eil na leth na trianach,” ars an nighean. “Ciod is aobhar nach eil thu cumail air aghaidh ma ta?” “Tha (ors ise) mi a’ smuaintinn e doruinneach duilich an ceann bhi ga thoirt dheth mo pheathar an diugh.” “A nighean thapaidh!” ors an righ, “cum air t’aghart s gheobh do phiuthar an diugh a saorsainn airson do bhriathran agus air chul sin bidh ’n riogh fhein ad chomain airson cho math s a labhair thu bho na thainig an oidhch.” Lean an nighean reapa (1) air gabhail a sgialachd mar a bha i reamha gus an robh ’n t-àm aca bhi ’g eirigh agus a cur umpa. Thainig an sin an athar, an fhear-comhairl gus an ceann thoirt de’n nighean s choinnich an Righ e sa dhithis nighean air a ghualainn. “Fois air do laimh, oganaich, tha saors aic, bithidh i nochd fhathast comhla ris an righ.” Lean an nighean roipe mar sin ag gabhail sgialachdan gus robh ceann na tri rèithchan ann s bha saors aice fad an t-siubhail. An ceann na tri rèithchan rug i leanabh mic dha’n righ. Bha e (1) With nasal e. [TD 364] uamhasach toilichte s cha robh air an t-saoghal na bheireadh air an righ a bhean na phaisde mharbhadh air dhoigh sam bith. Mar sin lean am boirionnach ris s cha do mharbhadh bean ann an Africa riamh tuilleadh. Sin obair gleusd s mar bhiodh an nighean bhiodh h-uile boirionnach bha’nn an Africa marbh aig an Riogh. [Note.—The above is from the oral recitation of John Mackinnon, Dalibrog, South Uist. His father was a noted reciter and Campbell of Islay took many tales from him. By reciting stories at night for three-quarters of a year a certain woman is the means of warding off death from all the women in Africa at the hands of a wicked, savage king, who killed a young wife for every night of the year. The reciter learned it from his father, who did not get it from any written source directly, for he could neither read nor write, although a master of plot and narrative. The diction, which in this story is simple, shows some variation, but I followed the sgialaiche closely. He knew about forty different tales fifteen years ago; though close on seventy he could recite many tales word for word in the traditional manner of the Seanachie. His style was rich in incidents, and from the point of view of folklore very interesting, though not so terse in the above tale as in others. I heard a story from John Smith, son of the noted reciter Patrick Smith, South Uist, in which a young daughter saves her sister by telling stories which introduce genii, griffins (griomhain), as in Arabian Nights. “Riogh bha’n Alba s bha e marbhadh na mnathan air a chiad oidhche. Mu choimeas seo dh’innis an nighean a h-ochd fichead sgialachd s h-ochd diag,” etc. The theme is well known to students of folklore, and has traces of savagery. G. H.] [TD 365] THE OLDEST SCOTTISH MS. [Beurla] [TD 366-374] [Beurla] [TD 375] [Beurla] “EDUCATION” IN THE WEST OF IRELAND [Beurla] [TD 376-380] [Beurla] [TD 381] ÒRAN DO DHON ALFONSO INFANTE NA SPÀINNE MILE fàilte dhuit, a shil an Righ! (1) A thàinig gu Alba o’n Spàinn; Mòran làithean sona dhuit is sith, Le maitheas Dhé, is thu gun chron. Tha mi ’faireachduinn gu’m bheil e fior, Na thuirt cinn-feadhna a bh’ann o shean, Gur e Spàinn an talamh sunndach Tir mam beann ’s nan gaisgeach treun! Ràinig thu nall gu Alba a’ cheò, Mar dhearrsa na gréine o’n tir ud thall Mhic na Spàinne! Fhir mo chridhe! Is coma leam ni, mur bi thu’n so. Togamaid gunna, ’s deanamaid spraidh, ’S e Mac na Spàinne ’tha ’siubhal an fhraoich; Mo mhullachd air gach eun nach tuit a sios, D’ur ac fhuinn a’s turail’ ’s a chunna mi riamh. O till a ris d’ar dùthaich’s d’ar glinn, Do dhùthaich an fhraoich, ’s do bheannaibh an fhéidh; Na léig sinn air falbh; dean cuimhne oirnn Is leat-sa ar chridhe: biodh leat-sa ar crùn! (1) Mile, Righ na Spàinne. [TD 382] L’ART, COMME ÉTUDE RELIGIEUSE ET HISTORIQUE [Beurla] [TD 383-392] [Beurla] [TD 393] LITIR SIR, Can any of the numerous readers of Guth na Bliadhna give me the other verses of the following song which I have heard attributed to Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair? They would greatly oblige by so doing. Your obedient servant, ALEXANDER MACRAE. NEWER CARGILL, WINTON, NEW ZEALAND. “Tha mi ’creidheamh a’ Phapa, Cha dean mi aicheadh nach ann, Is gur e ’chreidheamh is fearr e, Dh’ fhàg ar Slànuighear ann. ’E gun bhristeadh gun fhiaradh, Bho linn Chriosd tha e ann; Is na h-uile neach dh’fhalbh bhuaith, Mar chaoraich fhuadain air chall.” [Beurla]