[DA 1] AN RÒSARNACH [DA 2] [Bàn] [DA 3] AN RÒSARNACH AN CEATHRAMH LEABHAR ALASDAIR MAC LABHRAINN AGUS A MHIC GLASCHU 1930 [DA 4] [Bàn] [DA 5] AN CLÀR-INNSIDH Duilleag Cogais Nàisteanta. Le D.M.N.C. 1 An Comunn Mór-Cheilteach. Le Aonghas Mac Eanruig 14 Slighe nan Seann Seun. Le D.M.N.C. 29 Virgil. Le Niall Ros, Ollamh 31 Sgeul Neònach. Le Eachann Mac Dhùghaill 41 An Guth. Le Donnachadh Mac Iain 50 Tìr-nan-Og. Le Ruaraidh Arascain is Mhàirr 55 Duan an Dòmhnaich. Fo làimh D.M.N.C. 64 Cor na Gàidhealtachd an Diugh. Le Aonghas Mac Eanruig 69 An Gleann Mór Muileach. Le Iain Mac Cormaic 78 “Muinntir a’ Bhaile Againn Féin. Le Iain N. Mac Leòid 85 Easbhuidh Nuadh: Eòl-Chuairt Gàidhlig. Le Lachlann Mac Bheathain 97 Duan nan Gillean-Cùlaig. Le Maolchaluim Mac Aonghuis 102 Mùsamull. Le Iain MacCormaic 105 Cùis-Uamhais (Sgeul airson na Cloinne) Le U.M.P. 155 [DA 6] [Bàn] [DA 7] NA DEALBHAN Duilleag Ceann-Dealbh. Le Stiùbhard Mac Gille-Mhìcheil 1 Virgil. Le Stiùbhard Mac Gille-Mhìcheil 31 “Air falbh a bha mi mar a’ ghaoth.” Le Stiùbhard Mac Gille-Mhìcheil 45 Conasg fo Bhlàth. Le Seòsaidh Cille-Phàdruig. (Le cead coibhneil Abbey Gallery, Lunnainn.) 65 Ann an Gleann Laoigh. Beairt-dealbh leis a’ Mhaighdinn A. Nic Rob. (Le cead ciobhneil Deeside Field.) 81 Càrn an t-Sabhail agus Sgòrr nan Aingeal. Beairt-dhealbh leis a’Mhaighdinn Seònaid Nic Philib. (Le cead caoibhneil Deeside Field.) 97 Cachaille na h-Ard-an-Niar. Le Seòsaidh Cille-Phàdruig. (Le cead coibhneil Abbey Gallery, Lunnainn.) 113 “Nuair dh’fhalachar san ùir am pòr.” Le Sèosaidh Cille-Phàdruig. (Le cead caoibhneil Abbey Gallery, Lunnainn.) 129 Loch-na-Gàire: An Coire Mór. Beairt-dhealbh le Art G. Mac Uidsean. (Le cead caoibhneil Deeside Field.), 145 [DA 8] [Bàn] [TD 1] Cogais Naisteanta AIGNE NAN GAIDHEAL EIRIDH an cridhe gach neach smaointean a bhuineas d’a chor. Eiridh mar an céudna an aigne pobuill ceistean a bhuineas do’n crannachur mar shluagh, mar chinneach, no mar nàisinn; agus chan eil e ach dleasnach agus eadhon mar fhiachaibh is mar éiginn oirnne mar dhream cunabhalach ceannta gu’m bitheamaid ri far-sùla, ri eirmis, agus ri màirneulachadh dàn ar saoghail féin. Ma’s sluagh aghartach sinn is dù dhuinn a bhi ri géur-bheachdachadh agus ri forfhais; agus cha fhreagair e dhuinn e bhi caoin-shuarach no dearmadach ann a bhi a’ gabhail làmh is pàirt an gluasadan ionraice gu ceann mathais is leasa ar daoine, dachaidh, agus dùthcha. Is dù dhuinn a bhi daonnan ’nar dùsgadh, seadh, ’nar làn-dùsgadh ma ’s àill leinn féum a thoirt as na cothroman a chuireas am Freasdal ’nar rathad, air chor is gu ’n toir sinn buil agus tairbhe agus toradh ion-tiomnaidh á turus diombuan ar saoghail, agus gu ’n téid againn air comain bheag air choireiginn a nasgadh gu leas ar sliochd. Oir le fìrinne is sluagh sinn-ne, Gàidheil Alba, a bha riamh buailteach air a bhi a’ cur cùraim chàich air thoiseach air ar cùram féin; riamh air thoiseach ’san strì, ach air dheireadh ’san t- sìth—seadh, air dheireadh air alt is gu ’m beireadh a’ bhiasd oirnn, mar is tric a rinn i. Is sluagh sinn a bha riamh, chan ann eadhon [TD 2] simplidh ach similidh, diùid, agus ach beag, ioncheacharra air chùl tagraidh; air chùl ionnsaigh gu ar còir agus ar leas féin—sluagh fo gheasaibh agus fo dhraodhachd is eadh sin, gun rò-chùram gum chuimhne. Cia ar n-eachdraidh? Chan eil an eachdraidh a’ Ghàidheil ach tiomnadh a’ bhròin, an arrabain agus an allabain; leabhar anns a bheil gach duileag breacte le deoir cinnich air a réubadh: cuimhneachan dubh air éire, creach, agus géuragan, breisleach thruagh a’ mhic-ànraidh ag anacaitheamh a anma agus a chuirp fo fhùdchas, fo bhraighdeanas, agus fo aintighearnas an daoi. COR NAN GAIDHEAL. Chan eil e gu bonn féuma a bhi a’ cur sioda air uachdar fraoich. Chan eil e gu leas ar càraidh a bhi a’ deilbh dhuinn féin as an leabhar ud saoibhreas nach eil idir ann. Chan eil e céilidh no toinisgeil a bhi a’ leigeil ar tacsa ri faileasan ionann is mar nach eil e gu bonn stàth a bhi a’ crochadh ar n-uaille ri ainmeachas nan éuchd a stuadhar ri ’r daoine, an uair a tha gaoir nam bochd, nan anfhann, agus nan dìlleachdan ag iarraidh teanacaidh aig dorus bodhar na failmhe. An uair a tha fàsalachd nan tobhtaichean briste a’ luchdachadh osaige a chòmh-thràth le cianalas agus le ionndruinn nan gaoltach anns gach gleann agus clachan. An uair a tha gruidhean nam beann fianuise fliuch le deoir a tha fo nàire-bhrat na h-oidhche a’ sruladh gu dubhach gu cuan, agus tuinn sin na mara ’gam bualadh féin ri spuac-chreagan gnuatha nan cladaichean diobarach ag iarraidh furtachd agus diochuimhne air am bròn. Bròn agus mulad—có air son? A ghràidh nan daoine, nach dìomhain a’ cheist! Nach dìomhain a bhi a’ faighneachd do mhac a’ Ghàidheil gu dé is coireach; gu dé is ceann-aobhair do ’n iargain, do’ n t-siorruig ud a tha do ghnàth ag iadhadh ma chridhe— [TD 3] am beò-bhruadar ud a tha gu bràth a’ lionadh fradhairc a mhic-meanmna agus a’ rùsgadh soillse agus dubhair mu seach air clàr ’anma. Ach iadsan aig a bheil an t-eòlas léughaidh iad am fàth agus an t-aobhar, beachdaichidh air air làithean eile le ’n athar searbh (làithean is annsa le muinntir gun suim a thilgeadh le sloc na diochuimhne) meamhraichidh iad air Ceartas, air Onair agus air Fìrinn, chan ann a réir toile no taom an t-saoghail ach a réir an t-Soluis Shiorruidh—a réir nan toistean sin nach caochail am meinn air àilgheas dhaoine. Ach is cràiteach air cridhe a’ meamhrachadh sin. Air raon na h-iomaineach is aighearach, iollagach an luchd-spòrsa ach nach dòlasach, déistinneach, truagh cor a’ bhuill! Oir air raon ud eile nan lìnntean chi sinn sàr nan daoine agus uchd-mhac nàduir air a shàruchadh, air a thoirmeasg agus air a dhiobradh o a chòir, o dhlighe, o dhachaidh, agus o dhùthaich, chan ann a chionn is gu ’n robh rosad sònruichte sam bith air, ach de thoradh is gu ’n robh e fo mhaighistir d’an robh e ro-dhìleas agus ro-bhog, ach tuilleadh is lag-chuiseach air chùl a cheart chòirichean féin. LA NA DUNAIDH. An làithean eile chunnacas long nan daor-eilthireach a’ toirt aibheis an Tabha agus uamhaltas na h-oidhche fo a ceann. Chualas nuallan pioba an allabanaich a’ cur an ìre nach tilleadh esan tuilleadh ach gu ’n robh aige taisgte ’na bhroilleach; am broilleach a léine, dòrnan de’n ùir a chuirteadh fo ’cheann an uaigh choimhich. An làithean eile chunnacas éideadh a’ Ghàidheil air a thoirmeasg mar bhroinneig bhaoth, mhallaichte; a cheol ’ga riochdachadh ri sgriachail thamhasg, agus a chànain air a dì-meas mar chainnt bhuirb neo-oileanta agus anabéusach. An làithean eile chunnacas [TD 4] am Feoladair Mór a’ toirt an sannt o chonaibh le sgreat roimh a ghniomhan agus glìnn nan Gàidheal a’ griosad air na beanntan toirleum ’nan làr a dh’ fhalach an cràidh agus a nàire. Ach fhathast, an làithean eile fhathast, chunnacas long mhór nan eilthireach a’ tilleadh—a’ tilleadh gu crìochan Alba. Chualas ceol pioba air ghuaillnean nan gaoth, ach cha bu chumha sin na chualas, ach gairm chatha nan clann-cinnidh a’ fiadhachadh airm-iunnrais an domhain le iotadh an t-seann iotaidh—le dìlseachd na seann dìlse. ’Nan gruaidhean laiste bha blàth nan daoine ged nach robh blàth nan déur a shil na daoine sin. Mu ’n leasan bha a’ cheart éideadh ud a chaidh a thoirmeasg air uair ach a bha nis ’na shùil fharmaid do ’n t-saoghal. O ghleanntan iomallach agus o innisean diobarach na h-Albann, chunnacas sliochd nam fear fuighleach a’ tional ’nan ceann; a’ tional fhathast—aon uair eile, a sheasamh as leth—seadh, as leth gu dé? CEIST GUN FHREAGAIRT. Seadh, so a’ cheist do nach d’ fhuaras fhathast làn-fhregairt. Is dòigh leinn a ràdh gu’n do sheas iad as leth an dùthcha, ach gus am faigh sinn an dearbhadh gur leò-san an dùthaich sin chan fhaod sinn a bhi a’ cleachdadh barra-chainnt de’n t-seòrsa. Sheas na Gàidheil, mar is tric a rinn iad, as leth an ainme gun an tairbhe. Sheas iad mar nach do sheas sluagh eile fo ’n ghréin as leth na dùthcha a bhi air an ainmeachas a mhàin dhaibh, ach tha fios a nochd aig a’chomhachaig, agus brath aig an dóbhran far an d’ fhuair iad an àrach, agus fios a’chràidh aig an fheadhainn gus nach till iad tuilleadh. [TD 5] DAN NA FEADHNACH A THILL. Agus tha fios againne gu dé is cor do ’n fheadhainn a thìll. Fhuair iad barrabhasachd gu leòr; seadh, ann an dubh air paipeir. Fhuair iad móran de ’n teangaidh mhilis; seadh, o dhaoine móra, còire an déidh an sàr dhìnnearach, ach thuirt ar sìnnsear nach do lion beannachd brù. Chualas fathunn air coimh-leasachadh, ath-leasachadh, agus iomadh deasachadh, air mathas, air pailteas oibreach agus móran flaitheis is fialachd. ’S e facail ghasda ghaothar a th’ anns na facail so, ach na ’s fhaide na na facail féin agus an cuid gaoithe cha deachaidh leasachadh no cuideachadh a chur an céill air son nan Gàidheal; na Gàidheil mu ’n do mhilleadh na h-uiread de ghlòir, is de ’n dubh. Ach fòs, tha long nan eilthireach a’ dol fo a h-uidheam; fòs tha gadhar na h-éiginne a’ cròdhadh fearr-mhac a’ Ghàidheil ’ga h-ionnsaigh, agus fòs tha Innse Brìde fo lathadh an anmoich a’ gal, ag ionndruinn, agus ag ùrnuigh. Fhathast tha Alba a’ leigeil fala a cridhe an comain nan sochairean móra sin a choisinn i am fuil-eabar na h-Eòrpa. O, faighidinn,—fad-fhulangas ar sluaigh! O, aithiseachd, socharachd, agus similidheachd na h-Albann! AN COGADH MOR. Fada mu ’n tàinig crioch air a’ chogadh sgreamhail ud a bh’ ann bha na trì rioghachdan so againn a’ caitheadh mu ’n cuairt air ochd muillion pùnnd Sasunnach ’san là; cha b’ ann, a nàille, ’ga chaitheadh ach ’ga sgrios air sgàth sgrios agus domail, agus tha mi a’ creidsinn ged robh an téugbhoil ud fhathast gun chriochnachadh gu ’m faigheadh an gunna a pheileir airgid, agus am peileir féin a leaba aognaidh an aoraibh truaghain air choireiginn. Ochd muillionan ’san là! Nan robh ochd muillionan air son [TD 6] aon là féin aig Bòrd an Aiteachaidh no aig Bòrd an Iasgaich, an àite na cochaire truaighe a tha iad a’ faotainn eatorra ’sa bhliadhna, saoil am bu bheag an tairbhe sin gu sonas agus sòlas a thogail an àite gach donais agus dòlais a tha a’ duanadh ar dùthcha? Ré a’ Chogaidh Mhóir chaidh luach nam muillionan airgid de eithrichean agus de acfhuinn iasgaich a dholaidh air cladaichean Alba fad is a bha a cuid mharaichean, de’n deoin no de’n aindeoin, a’ cur dùirne ri tapadh air sgàth na chuirteadh am faichaibh dhaibh aig an àm. Is athar air sin an diugh gu’n deachaidh diolacha-déirce a dhèanamh de mhìlltean de ar sluagh, agus gu’n tug airc an càraidh an càil agus an cridhe o’n àl aig an robh deoin-bhàidh ri am bun a chur ’san iasgach. Chan eil ri fhaicinn ’nar là ach an “cùl” de’n t-sochair a chunnacas ri uair a’ tighinn á cuilidh a’ chuain gu mathas ar sluaigh. Ach fòs tha tràlaran Shasuinn a’ goid is a’ criomadh a’ “chearcail airgid” mu’n cualas seann seanachas ar n-athraichean, agus eadhon muinntir de ar fuil féin a chaill gu beachd an cliù agus a nàire am brot a’ bhrosgail ag éigheach dhaibh—siùdaibh! siùdaibh!—ach tuilleadh brot, tuilleadh eile de na murragan ud! Chan ann idir a’ tagradh roinn an aona mhic a tha mi do ’n dream air an fheàrr m’ eòlas, ach saoileam gu bheil e eadhon do-sheachnaidh riatanach do aon Staid sam bith, ionann is mar ann an teaghlach an duine-bhochd, gu ’n cumadh i timchioll oirre féin, cho fad’s is urrainn i sin a dheanamh, an t-urra-chuidiche, an t-urra-bheathaiche agus an t-urra-dhion. Chan ann gu mathas Alba e,—air son Shasuinn tha i cearta coma có aca—gu ’m biodh a tuath agus a tacsa a’ togail air falbh uaithe. Chan ann na’s motha gu a leas e gu ’m biodh a clann a’ plùchadh a chéile ’na bailtean [TD 7] móra is an greim is motha am beul an fhir is treise, agus na siontainnean a mhàin ri fiadh-àiteach a cuid ghleann; chan eil an sin, mar a thuirt na daoine, ach “galair fada is éug ’na bhun.” Chan ann air chùl fiosraichidh a tha mi gu bheil aignidhean agus ìmpidhean eile a’ tighinn eadar cuid de òigridh an là an diugh agus obair fearainn, ach comhchothrom ri sin tha dearbhaidhean soilleire againn gu bheil mòran sluaigh an geall air fearann de nach fhaigh iad ploc gus am bris iad “an lagh.” “LAGH IS RIAGHAILT.” Gus am bris iad “Lagh is Riaghailt” Shasuinn chan fhaighnichd Sasunn am bheil beul orra; seadh, na ’s lugha na tha cogadh air a h-aire; na ’s lugha na tha a h-Impireachd an cunnart. Oir gu dé a tha an Alba co-dhiu ach Tuath-Bhreatunn—iomal grannda gun diù, agus gu dé a’ Ghàidhealtachd leatha-se ach cnoc spòirs as t-samhradh; àite anns nach eil duine idir a’ fuireach ’san gheamhradh! Is e aigne poiliticeach an t-Sasunnaich os coinneamh an t-saoghail nach eil duine air ’uachdar coltach ris féin. An neach nach aontaich leis ni e gàire magaidh ’na aodann ion is ’ga chur gun diù mar amadan, agus an neach a dh’ aontaicheas leis is éiginn dhá cuideachd, air a’ chairt mu dheireadh, géilleadh dhá mar mhaighstir. Gach lagh a thatar a’ deilbh an Lunnainn, am Parlamaid Shasuinn, le Sasunnaich (oir chan fhiach e an t-saothair a bhi ag ainmeachadh dòrnan choigreach an aghaidh an tromlaich an Taigh nan Cumantan) is ann a réir gné-mheanmna agus mac-ùidhe an t-Sasunnaich a tha iad. Bu neònach nam b’e chaochladh dhaibh. Chan fhaic mise coimeas is riochdaile agus is firinniche do ’n t-suidheachadh phoiliticeach anns a bheil an t-Albannach [TD 8] an diugh na dalta gun rath ’na spailleach amhghair agus ’na chulaidh-bhualaidh an taobh taighe na té sin do ’n gairm e muime. Cha lion muime am feasda ionad màthar, agus cha mhotha a gheibh dalta urram mic. Cho fada ’s a bhios Albannach ’na Albannach no Gàidheal ’na Ghàidheal chan fhaigh e urram mic no gràdh màthar o Phàrlamaid Shasuinn. Chan urrainn thu sin a chur an uidhreachd dhi: oir tha ise, mar a tha mise, a’ faireachduinn agus ag aideachadh ’na cridhe féin nach buin sinn ann am fuil da chéile. Agus cha mhotha na sin a bhuineas sinn da chéile am meanmna no ’n cultur, gun tighinn idir air caitheamh-beatha no air suidheachadh nadurra gach dùthcha air an dà thaobh. NAISEANTAS. Tha cuid am beachd gu ’n téid againn air aghartas nàiseanta a dhèanamh eadhon ’san t-suidheachadh so, ach ’nam bheachd féin cha tig an là agus cha chian na tràithean a ni sinn aghartas a réir ar gné cinneachail no a réir ar feumalachd shaoghalta mar Ghàidheil cho fada ’s a bhios sinn mar a tha sinn. Oir tha a’ chùis gu tur an aghaidh nàduir a thuilleadh air a bhi cho neonach; seadh, cho neo-ghnàthach, ri circ ghuir air cheann leth-ghur chearc is leth-ghur thunnag. ’S e suaicheantas comharraichte gach cinnich an cànain. Mar nì beo agus fàsmhor sam bith eile, cha mhair cànain beo agus chan fhàs i gun a freumhan a bhi a’ tarruinn sùigh agus beatha as an fhonn. A leantuinn na cosamhlachd so, tha corra sheorsa fuinn ann as an toir cànain a beatha, ach ’s iad an dà sheorsa is toraiche na càch, nàiseantachd agus aidmheil. Chuir mi nàiseantachd air thoiseach oir gun teagamh ’sam bith ’s e nàiseantachd cioch altruim [TD 9] gach cànaine ged a tha na h-Iudhaich a’ toirt fianuise dhuinn air an fhonn eile. BEATHA AGUS FAS NA GAIDHLIG. Gu dé mata am fonn as a bheil ar cànain-ne a toirt, no a’ dol a thoirt, a beatha agus a fàis? An ceartair féin tha i, ar leam-sa, a’ toirt na tha aice as “a’ mhath a bhà”; seadh, as na choisinn i de fheum, de luach, de urram agus de ghràdh fada roimh ’n là an diugh. Tha i, mar gu ’m b’ eadh, beò air na chuir i mu seach. Cha mhair ni fo ’n ghréin a tha air an dol sin. Agus a cheart cho cinnteach sin cha mhair cànain a tha air a sgaradh, mar a tha ar cànain-ne, o chùisean nàiseantachd, oir cha léir dhomh gu bheil aon mhàthair altruim eile aice ’san àm a mhaireas dhi mar fhonn coitcheann. Ann am bharail-sa chan eil ann ach amaideachd a bhi a’ feuchainn ri cànain ’sam bith altrum mar theanga sluaigh gun a bhi aig a’ cheart àm ag aidmheil agus a’ tagradh agus a’ cothachadh do ’n t-sluagh sin gach puing a tha an comharrachadh teangann sin a’ riochdachadh dhaibh, eadhon nàiseantachd. As aonais fala cridhe nàiseantachd, no a dhearbh-leithid eile, chan eil ann an cànain idir ach cuspair gun anam deth a bheil àileadh aognaidh na h-uaighe. Chan eil ann a bhi a’ ceiltinn na fìrinne sin ach cleas a’ chladhaire. Chan eil ann a bhi ag eatamachd—a’ cumail o dhol bàs—cànaine gun nàiseantachd mar chìch dhi ach bréugadh chloinne bige; rud nach tig ro-ghasda do shluagh feardha. Cho fada ’s a bhios Gàidheil na h-Alba riaraichte agus làn-bhuidheach a bhi a mhàin ’nam “Breatunnaich” no eadhon ’nan “Sasunnaich” (mar is tric a mheasar iad le nàisinnean coigrach) cha tig, ar leam, rath no àgh air an dùthaich no air an sliochd mar chinneach air leth. [TD 10] AM “BREATUNNAICH” NO AN “SASUNNAICH” SINNE? Is dócha gu ’n saoil cuid de m’ luchd léughaidh gu bheil mi mar so a’ cur an céill tuilleadh is a chòir. Ach cuiridh mi sios beachd no dhà an so air son na codach sin, air achd is gu ’n tuig iad nach eil mi a’ cur an céill leth na dh’ fhaodainn. Anns a’ chéud àite gabh am beachd, “nàiseantachd.” Ma tha nàiseantachd agad air leth o ’n Fhrangach, o ’n Turcach, o ’n Teacha-Slobhagach agus o ’n t-Sasunnach cia do theisteanas dhaibh sin gu léir? Cuimhnich nach tuigear thu ma chanas tu “Breatunnach” an uair bu chòir dhut “Sasunnach” a ràdh. Cuimhnich nach eil an Sasunnach a’ cleachdadh an fhacail “Breatunn” no “Breatunnach” idir na ’s lugha na tha e a’ bruidhinn riut-sa féin. Air an làimh eile cha tric leis an Albannach a ainm riochdail a ghabhail air féin idir. Gu dé cho tric is a chunna tu riamh “made in Scotland” air aon rud sam bith, agus cho liuthad uair is a chunna tu “made in England?” Is e an fhirinn gu ’m faca tu “made in Great Britain” an rud nach deachaidh a dheanamh an àite eile ach an Alba. Gu dé cho tric is a chunna tu stampa an Gàidhlig air rud a rinneadh air clàr na Gàidhealtachd? Gu dé is coireach gu bheil na h-uiread de ainmean “oibrichean” is eile air feadh Alba a tha a’ tòiseachadh le “British” no “North British”—agus feuch am faca tu riamh am facal “South British”? Tha “mil” gu leòr an sin féin ri a dheoghal dhuit. AR DUTHAICH FEIN ’S I AR CULAIDH-CHURAIM IS MOTHA. Gabh a rithisd cor nitheil agus saoghalta do dhùthcha. Ma thug thu an aire dha, chunna tu ’nad lìnn féin iomain agus imrich gun abhsadh air gach ceann gnothaich is féudalaiche na chéile o [TD 11] àrainn na h-Alba gu ruige Sasunn; gu h-àraid do Lunnainn. Chunnacas bancannan Albannach air an glaimseadh suas a dh’ aon slugadh an craos farsuinn nam “fear-mora” mu dheas. Chunnacas rathaidean iaruinn na h-Alba a’ dèanamh “Pòsadh ceaird” agus a’ dol air thaigheadas do Shasunn. Mar an ceudna chaidh oibrichean gu leòr o àm a’ chogaidh air imrich thar na crìche, agus o nach eil ùidh no aigne nàiseanta air shiubhal nan Albannach aig an robh corrag mhilis anns na murragan agus pòca domhain air son nan tarragan ud chaill ar dùthaich roinn nach bu bheag de aobhar a leasa agus de a meas mar chinneach nàiseantail agus teoma. O chionn ghoirid chunnacas Sgéum “Naiseanta” na h-Ealaigstrise a bhi ’ga deilbh an Lunnainn. Fo ’n sgéum sin chan eil an Alba ri bhi air ealaigtreachadh ach an ceann a deas; a’ Ghalldachd, a mhain. Chan eil coltas air mathachadh cor na Gàidhealtachd a bhi ’san amharc, ach air son sgéuma ud eile Lochabar chan eil coir againn leaslamhadh mór no nàiseanta iarraidh air muinntir na h-alminn a chuir fo acfhuinn ar n-uisgrichean gu am buannachd nìtheil féin. Agus air chùl sin uile abraim gu ’n deachaidh, ach beag, gach smod de bheairt, de innealraidh, agus de aobhar ealaigtriseach an sgéuma ud a thionnsgnadh agus a dhèanamh an Sasunn. An Eirinn agus an Danmarc chi sinn sealladh fada, farsuinn, nàiseanta air chùl sgoinn a chur air àiteachas agus eile le a bhi a craobh-sgaoileadh puthar na h-ealaigtrise gu làimh gach tuathanaich agus fear-ceairde anns gach ceàrna de’n dùthaich, ach chan fhaic sinn fhathast tuar air beachd de ’n t-seorsa sin an aigne ar maighistirean-ne. Seall, eadhon, air eilean beag Mhanainn aig a bheil, a dheoin no a dh’ aindeoin chàich, roinn de a chead agus de a thoil féin an [TD 12] cùisean dùthchail, agus faic na tha e a’ cur ri a leas féin de thoradh a’ chomais sin. Thigeadh e dhuinn sùil a thoirt a mach thar bhunacha-baca nan còrsaichean so againn agus umhail a thoirt do bheo-bheatha agus de bheachd an t-saoghail mhóir mu’n cuairt dhinn, oir tha sinn buailteach—ro-bhuailteach—air a bhi fo bheul na h-aona phoite bige ud a tha mu cheann Iain Bhuidhe féin is esan, ar leis, fo ’n chrùn sholuis sin mar Mhacan Mór eile a’ riaghladh an domhain le ùghdarras na Suirche Sìorruidh. Ach tuigeamaid agus, a dheoin an àigh mothaicheamaid, nach ann an ceann na Beurla no am beul na Beurla a mhàin a tha tuigse, gliocas, agus eòlas ionmholta an t-saoghail. Oir tha sluaigh eile ann aig nach eil dad idir de dhragh no de iarraidh, seadh, no de eisimeil ri cultur no ri cànain no ri créudaim an t-Sasunnaich; sluaigh a tha fòs ainmeil an eolas, an oilean, agus an aghartas, ged nach toir iad umhail no ùmlagh d’ a mhòrachd mhòrchuiseach-san no idir do chon-ial na h-Impireachd air nach laigh grian. Ach mar a tha sinn cho fada fo chìs agus fo chasan nam foireignichean; cho fada an urrachd ri gean ar maighistirean, is ann a tha sinn air fàs gollach; ion is a bhi coltach ris-san a chreid mu dheireadh nach b’ e e féin a bh’ ann idir. Chaith, shearg agus mheath ar meanmna mar chinneach; cinneach a bha ri là eile aigeannach, feardha, anmainneach. Dh’ òl sinn na h-uiread de leann-cadail na ceacharrachd ion is nach éirich ar spiorad os cionn inbhe na déirce agus duais an doill. Coguis nàiseanta! Ma tha a leithid idir de bhuaidh dualach dhuinn ’s e rùn an sgriobhadair sin a bhrodachadh, oir mar brodaichear teine ’na àm chan eil feum ’sam bith sin a dhèanamh [TD 13] an uair théid an eibhleag mu dheireadh as. Agus gun choguis nàiseanta Albannach, Ghàidhealach, Cheilteach, cha bhi sinn beò an riochd cinnich, agus chan eil anns gach buille a nì sinn ach fuaim fàs. D. M. N. C. [TD 14] An Comunn Mor-Cheilteach. I. NEACH air thalamh a bheir dhuinn eachdraidh shoillear mu dheanadas a’ Chomuinn so o’n cheud latha ’san deachaidh e an uidheam—am bheil a leithid ann? Is i mo bharail nach eil; oir eadar long is laimrig, chaill e a sgioba cho minig is nach eil neach ri fhaighinn a bha trì turuis aig a chuibhill mar a bha e a’ seoladh mu’n cuairt do na rubhachan agus do na h-eileanan. Is deacair iad, da-rìreadh, a chunnaic e trì uairean air sàile idir, agus ged a chitheadh, bu glé bheag fiosrachaidh a gheibheadh iad mu a ghniomharan no a shiubhal. Tha e cho frithillidh ’na nàdur agus cho àrdanach ’na chleachdadh is nach àill leis cuideachd a chumail ri buidhinn ’sam bith ach e féin, no làmh na réite a shìneadh am mach do dhream ’sam bith a chuireas dorran air. Mar anns an tìm a chaidh seachad, mar sin air an latha diugh—tha e an còmhnuidh am piollaid air chor-éiginn a thaobh a choimhearsnaich, agus tha ’thogradh gu minig an aghaidh bharailean a th’air an altrum gu coitcheann le comuinn eile a tha saothrachadh gu dìleas am fìon-lios na Ceilteachd. Bheir mi seachad comharradh no dhà air na nithean so air am bheil mi a’ toirt tarruing. II. An òg-mhaduinn ar n-eachdraidh bha slòigh nan Eileanan so air an roinn ’nan dà chuideachd, Gàidheil agus Cuimrich. B’iad [TD 15] na Gàidheil bu shine, agus shìolaich iad gu h-iongantach gus an do chòmhdaich iad an tir uile. Cas nan déigh thàinig na Cuimrich, de’n aon fhreumh gun teagamh, ach eadar-dhealaichte o’m bràithrean a bha rompa ann am móran de an gnàthan agus de am beachdan. Dh’fhàs an dà chinneach—mar a dh’fhaodar a ràdh riu—a suas taobh ri taobh. Bha iad a’ labhairt chànainean a bha an dlùth dhaimh, agus a thàinig, a réir gach dearbhaidh, ás an aon mholltair agus ás an aon ghlamradh. Ach dhealaich iad gu buileach ’nan cruth agus ’nan gleus, agus a nuas o na ceud linnean de’n Chreideamh Chriosdail cha tuigeadh an t-aon mheur de’n phobull a’ mheur eile. ’Nan àbhuistean agus ’nan dòighean riaghlaidh bha na Gàidheil agus na Cuimrich daonnan mar shlòigh air leth o chéile, an dara aon àrd-bheachdail, calma, danarra, agus an t-aon eile frithillidh, sgàthach, agus furasda shàruchadh le feachdan coimheach. Chathaich na Gàidheil gu treun sgairteil an aghaidh ’nan Rómanach spailpearra, agus chaidh aca air an còirichean féin a dhìon. A nuas troimh nan linnean, chum iad an cliu gun mhilleadh a thaobh misnich agus tapachd an aghaidh nàimhdean. Cheannsaich iad na Cruithnich, is thug iad a’ bhuille-mhuineil do na Lochlannaich, cho fad ’sa bha an cuairt an Albainn air a gabhail a staigh. An uair a theann na Sasunnaich ri an sgiathan a sgaoileadh gu tuath cho math is gu deas, chur na Gàidheal rompa an cumail o thir nam monaidhean, agus sin rinn iad gun mhóran dragha, ged a ràinig Eideard nan Creach—Ord-spealgaidh na h-Alba—gu ruig na ceàrnachan a b’iomallaiche de’n tir so, uair an déigh uair. An déigh a sgiursadh am mach ás an crìochan, b’éiginn dhaibh tighinn agus cuideachadh a dhèanamh le’n càirdean air a Ghalldachd chum Mac an Uird agus a chuid feachdan a ruagadh dhachaidh, gun [TD 16] chomas, gun dòchas an còrr dragh a chur air Albainn le àrmailtean mòr-chuiseach. Ma chaidh iad féin a rithisd ’fhuadach mar chiomaich do chirbean leibideach na h-Airde Tuath agus nan Eileanan, thachair sin a chionn gu’n robh iad air am mealladh agus air am milleadh le’n uaislean agus le’m flaithean féin. B’iad na nàimhdean o’n taobh a staigh a rinn an cron, agus cha b’iad luchd-gamhlais o’n taobh am mach. Am feadh ’sa bha na nithean so a’ tachairt am measg nan Gàidheal, ciamar a bha na Cuimrich ’gan giulan féin? Cha d’rinn iadsan móran strìth no saothair riamh chum nàimhdean coimheach a chumail o’n crìochan. Theich iad á Albainn gun fhios c’arson, agus, an uair a dh’fhàs na Sasunnaich draghail dhaibh mu dheas, rinn móran dhiubh imrich thairis do’n Fhraing, far an do thuinich iad gu math agus am bheil an sliochd gus an latha diugh—mar shluagh gu tur air leth. An fheadhainn a dh’fhuirich dhiubh, thug iad orra, ach beag, gun bhuille, gun urchair do chùiltean falaich air taobh an iar Shasuinn. Cha robh an sgairt no an t-uabhar annta a bha anns na Gàidheil, agus cha d’éirich a suas riamh ’nam measg ceannardan smearail uasal coltach ris na Gàidheil iomraiteach, Galcagus, Calum Cille, Coinneach Mac Ailpein agus Uilleam Uallas. Eadhoin anns na linntean deireannach so th’againn, tha na Gàidheil na’s fhasa bhrosnuchadh gu mire-chath a thaobh chùisean a bhuineas do’n sìth agus do’n sonas mar shluagh eadar-dhealaichte o gach sluagh eile; agus chan eil ach glé bheag bhliadhnachan air dol seachad o’n fhuair Gàidheil na h-Eireann saor gu buileach o chuing nan Sasunnach, ceart mar fhuair an càirdean an Albainn, an 1886, an làmh-an-uachdar air tighearnan-fearainn neo-mheasarra a bha ’gan creachadh. Chathaich iad air son fuasglaidh agus [TD 17] bha a’ bhuaidh leo. Chum Gàidheal Mhanainn iad féin o dhol for chìos do chinnich eile air feadh nan linntean. Tha na Cuimrich ro cheacharra ’an gnothaichean de’n t-seorsa so, agus tha an roinn dhiubh do’n ainm na Còrnaich gun ainm, gun chliu, gun chuimhne, a thaobh chùisean nàiseanta. C’arson nach eil barrachd càirdis eadar na meuran Ceilteach so na tha iad fhathasd a’ nochdadh? Tha a chionn gu’m bheil iad air an cumail o chéile le cleasachd mhuinntir eile aig nach eil nì ’san amharc ach an cumhachd féin a chumail gun mhilleadh agus an ùghdarras féin a mheudachadh thar tomhais. Tha an Sasunnach a’ faicinn ma bhios na Ceiltich air an sgaradh o chéile gu’m bi esan ann an suidheachadh gu cothrom a ghabhail orra uile agus gu’n cumail ’nan ìochdarain agus ’nan ciomaich, deas agus riaraichte gus gach nì a shirear orra a dhèanamh. Mheall e riamh iad, agus tha e ’gam mealladh fhathasd, chan ann a chionn gu’m bheil e na’s miosa no na’s cruaidhe cridhe na muinntir eile, ach a chionn gu’n d’fhuair e an smachd o chianaibh, agus gur e a thlachd ’sa mhiann a ghleidheadh. Cho fad ’sa bhios iseanan a’ gheoidh a’ fuireach an uisge tàimh cha chuir an giadh dragh no campar orra; agus, air a’ mhodh cheudna, cho fad ’sa bhios na Ceiltich maol, socharach, gun fhacal ás an cinn ach moladh am maighstir, chan fhaigh an nàbaidh nodha a’ choire is lugha dhaibh. Tha fios aig na Gàidheil agus aig na Cuimrich air so, agus tha strìth eatorra a dh’fheuchainn co is sìobhalt a dh’fhanas am fianuis an t-Sasunnaich. Tha eadhoin an t-Eireannach, ged is geur a chaidh a sgiursadh o cheann ùine gun a bhi fada, a’ cur uile bhuadhan an cleachdadh a chum duais a’ bhrathadair a chosnadh—deagh-ghean agus suairceas an fhir ud a bha ’ga bhualadh agus ’ga bhioradh a nuas gu 1922. Is e so aobhar na mi-shuaimhnis a tha [TD 18] eadar truaghain na h-Eireann, na Cuimrigh agus na h-Alba gach uair a thig iad gu riochdail an dàil a chéile a chum luaidh a dhèanamh air an sean eachdraidhean fa-leth, agus bratach a thogail air taobh an nòsan eagnaidh agus an còirichean laghail an rathad tir agus teanga. III. An uair a thòisich an Comunn Mór-Cheilteach an toiseach ri pàirt a ghabhail anns an dùsgadh rathail a bh’air fhiosrachadh a thaobh na Gàidhlig agus na Cuimrich, bha fiughair gu’n toireadh e cuideachadh nach bu bheag do’n ghluasad ùr agus gu’n tàirgneadh e ri chéile na slòigh aosda a chum a bhi cur an céill eireachdas an dòighean agus a bhi a’ feuchainn ri cainnt an athraichean a chumail gun dol na b’fhaide am mugha, agus, ’nam bu chomasach e, a toirt air ais aon uair eile gu ni-éiginn de mhiadh agus de urram. ’Dé a rinn e anns a’ char so, no an car feumail ’sam bith eile air am bheil e comasach dhomh iomradh a thoirt? Is e ceist nach faigh ach a ghearr fhreagairt—cha d’rinn dad! An Albainn, an Eirinn agus ’sa Chuimrigh tha comuinn ghasda a tha ri móran oibre an rathad a bhi cumail taice ri cànainean nan dùthchanna sin. Chan eil teagamh nach eil móran de dheagh bhuaidh air an saothair agus nach eil a’ Ghàidhlig agus a’ chainnt Chuimreach an inbhe na’s àirde an diugh air feadh an t-saoghail na bhiodh iad mur d’thàinig na comuinn so idir gu bith. Nan robh na Mór-Cheiltich a’ deanamh an dleasnais, bu mhór an cuideachadh a dh’fhaodadh iad a thoirt do’n aobhar nàiseanta anns na Trì Rioghachdan; ach, an àite còmhnadh a thoirt, is ann a tha iad a’ cur ceap-tuislidh an rathad gach neach agus buidhinn aig am bheil leas an cànain anns an amharc. Bheir mi seachad comharradh [TD 19] no dhà air so, agus m’fhacal fìrinneach gu’m bheil iad ceart agus beachdail. An 1929, thàinig a’ Chuideachd Mhór-Cheilteach do Ghlaschu agus shuidh i an sin fad dlùth do sheachduin. Bha saor-dhaoine nam fineachan uile an làthair, gu sònruichte iadsan aig an robh an tàmh ann am bailtean-margaidh—an Glaschu, an Dùn-éideann, am Baile-cliath, agus mar sin air aghaidh. As na ceàrnachan dùthchail cha robh na h-uiread ri fhaicinn, ach is ann mar sin a tha chùis daonnan—tha luchd nam bailtean air thoiseach an uair a tha cliu no urram a’ phobuill ri bhi air an cumail a suas. Cha robh móran de àrd sgoilearan an lathair á àite ’sam bith ach a mhàin á Eirinn, agus cha deachaidh nì a dhèanamh a thug anabarr misnich no fiosrachaidh do dhream ’sam bith. Chaidh móran de phaipearan a leughadh, ach cha robh nì air a thoirt am follais annta nach gabhadh faighinn an cóig mionaidean anns a’ Mhitchell Library, uidhe bheag o’n àite-cruinneachaidh. An aon fhacal, am mach o dheiseachan maiseach de sgàrlaid is de bhreacan agus ceilearadh sònruichte taitneach aig òighean agus fleasgaich, cha robh nì ri fhaicinn no ri chluinntinn a ghluaiseadh an spiorad no a bhuaireadh an cridhe o chùisean bruaidleanach na beatha. Bha uaislean a’ feitheamh, agus flaithean is maithean, ach bu bheag a chuala no chunnaic iad air nach robh iad roimhe eolach. IV. Gu dol air ais beagan bhliadhnachan, bheir mi seachad eisimplear eile air mi-sgoinn agus cion toinisg a’ Chomuinn Mhór-Cheiltich. Bliadhna no dhà roimh chrìch a’ chogaidh, chruinnich e anns a’ Chuimrigh—an Neath, dlùth do Swansea. Bha móran an làthair ás gach cearn ’sam bheil Ceiltich [TD 20] a’ tuineachadh—á Albainn, á Eirinn, á Lunainn, á Manainn, ás a’ Chòrn, á Breatuinn na Frainge agus, gu sònruìchte, ás gach cùil is oisinn de’n Chuimrigh. ’Dé a thachair? Bha gach cànain air an cur gu riochdail air taobh am mach na stairsnich ach té na dùthcha anns an robh sinn a’ fantainn, agus bha na Gàidheil uile air an cumail ás na cathraichean a b’áirde agus air an sguabadh, gun mheachainn, chum nan suidheachain a b’ìsle. An uair a thàinig àm a bhi labhairt, chaidh Cuimreach an déigh Cuimreach a chuireadh le sodan a dh’ionnsaigh an sgàlain, agus b’e sin cuireadh nach deachaidh a dhiultadh cho fad ’sa bha mise ’san talla. Dh’fhàs mi seachd searbh dhiubh,—agus a h-uile fear cho foirmeil, ùr-labhrach nam b’fhìor e féin! Cha b’ioghnadh cuid againn a thoirt bóid is briathar nach rachamaid gu coinneamh de’n t-seors ud gu bràth tuillidh,—có dhiubh air fóid na Cuimrighe. Ar leam gu’n d’fhuair an t-Ollamh Mac Aoidh beagan a ràdh ás leth na h-Alba uair-éiginn eile. Chaidh na h-Eireannaich a chumail cho bìth ri luchan an glais, ach a mhàin dà bhoireannach aig nach robh dad de ghnothach ris na ceistean cudthromach a bha, an uair ud, a togail móran buaireis eadar an sluagh sin agus na Sasunnaich. Bha sinn uile coimheach riutha, ach gu h-àraid na Cuimrich, a bha, aig caochladh àmanna, a’ toirt oilbheum dhaibh gu follaiseach. Aon sealladh eile air na làithean a dh’aom agus tha mi deas dhiubh gu bràth tuillidh. Bha sinn cruinn an Dun-éideann, a dheanamh ullachadh air cheann a’ Chomuinn Mhór-Cheilteach a thighinn do’n bhaile sin. Thachair so bliadhna no dhà an déigh do’n chogadh sgur. Bha sinn réidh, riaraichte am measg a’ chéile gus an d’thàinig dà Chuimreach a steach do’n t-seomar—an t-àrd cheann-suidhe agus an t-àrd rùn-chléireach. O’n [TD 21] mhionaid a thàinig iadsan, bha’n ceol air feadh na fìdhle. Thug an t-àrd cheann-suidhe litir am mach á phòca agus thòisich e air a leughadh. Bha i o charaid ro mheasail a b’aithne dhuinn uile, agus, air m’fhacal, chaidh e fad an aghaidh a’ chuilg leinn a bhi cluinntinn a’ Chuimrich so ’ga chàineadh air tàilleamh na litreach so a sgrìobh e agus anns nach robh nì ach fìrinn agus maise mur biodh i air a cìreadh am mach ás a brìgh agus a seadh. Thachair gu’n robh facal no dhà innte a bha tagradh deagh-ghean agus cothrom do na h-aoidhean Eireannach, oir, aig an àm, bha Eirinn fhathasd fo smèig aig Sasunn agus, mar sin, fo bhinn achmhasain aig gach Gàidheal is eile leis am bu mhiann a cumail anns an t-suidheachadh neo-eireachdail sin. Leugh an ceann-suidhe an litir ud a rithisd agus a rithisd, a’ cur a staigh bhriathran sgallaiseach gu minig an aghaidh an fhir a sgrìobh i. Chaidh dà uair an uaireadair a chaitheamh anns a’ chnèadalan thacharanach so, agus an sin thug neach éiginn (cha b’e fear-na-cathrach) fa-near gu’n robh an deasbud riaslach am mach á raighailt a chionn nach deachaidh iarruidh air a’ Chuimreach an litir a thoirt air lòm idir agus gu’m b’ann thuige féin a bha i air a cur is nach b’ann chum na coinneamh. Chaidh gabhail ris a’ bharail so gu h-obunn, agus goirid ’na dhéigh sin sgaoil a’ chuideachd gun obair ’sam bith a chrìochnachadh. An còrr chan abair mi mu thìmcheall mì-dheanadais nan Cuimreach ach so—gu’m bheil e coltach gur ainneamh a chòrdas iad féin agus Gàidheil na h-Alba air an aon làimh agus Gàidheil na h-Eireann air an làimh eile mu cheist ’sam bith a bhuineas do dhual is do shìnnsre, agus gur duilich da-rìreadh an cumail an dlùth cheangal. Chan eil mi ag ràdh nach eil na Cuimrich, an iomadh rathad, cho math ruinn féin agus, an cuid de dhòighean, beagan na’s fearr, mar anns a’ chleachdadh òirdhearc a th’aca a [TD 22] bhi labhairt an cànain dhligheach aig gach bealach agus còmhdhail, agus, mar sin, a bhi ’ga cumail beo, fallain. Ach their mi, gun ag, gu’n bheil iad fad air dheireadh oirnn an rathad a bhi toirt an aon chothrom riu féin do fhineachan eile a bhios a’ suidhe leo mu’n aon bhòrd. Gus an caill iad an cleachdadh mi-shealbhach a bhi ’g amharc orra féin a mhàin mar shalann na talmhainn is faoin do’n Chomunn Mhór-Cheilteach a bhi a’ sgaoileadh a bhrataich an tràsda ’sa rithisd, oir chan eil i a’ riochdachadh ach laigse agus caitheamh tìm. Tha a leithid de ùine air dol seachad o’n dhealaich na Gàidheil is na “Breatunnaich” (no na Cuimrich) mar dhà mheur de’n chraoibh mhóir Cheiltich is gur beag samhlaidh a tha eatorra ach a mhàin ’nam mac-meanmna agus ’nan cràbhadh. ’Nan àbhuistean uile chan eil barrachd tuaileis eatorra na th’eadar Tiutonaich Shasuinn agus an co-bhràithrean ’sa Ghearmailte. V. Ach an rud a dh’fhalbhas chan e dh’fhóghnas, agus, air an aobhar sin, bheir sinn ar n-aghaidh air an tìm a tha romhainn, agus cha ghabh sinn an còrr gnothaich ris na bheil ’nar déigh. Is i cheist a dh’fheumas sinn a chumail f’ar comhair: An gabh an Comunn Mor-Cheilteach cumail gun dol aog? Ma shaoileas sinn gu’n gabh bibh e iomchuidh fharraid a rithisd ’dé an dòigh is fearr air a chumail beo, agus ’dé na meadhoinean is còir a chleachdadh a chum a dhèanamh torach an deagh oibre. Is còir a chumail beo, gun teagamh, oir tha iomadh nì ri dhèanamh ’sa Ghluasad Cheilteach nach gabh cur air aghaidh gu ro mhath ás eugmhais buidhinn de’n t-seorsa so. Bheir mi iomradh air aon no dhà de na ceistean do’m feumar aire thoirt [TD 23] an ùine gun a bhi fada, agus a ghabhadh fuasgladh na b’fhasa nan robh na Trì Rioghachdan timcheall orra. Anns a’ cheud àite tha cùis nan cànainean ri cur air bhonn sgoinneil, oir, an ceartair, tha i ’na culaidh-bhùird agus ’na h-aobhar maslaidh. Tha e soillear nach urrainn aon rioghachd ’sam bith a cheist so a shocrachadh, oir tha na cumhachdan a tha ’na h-aghaidh seolta agus neimheil. Ma tha dhith oirnn a’ Ghàidhig fhaighinn air a tàladh air a h-ais o bhruaich an léir-sgrios, thig e dhuinn dol an dlùth dhaimh ri muinntir na h-Eireann agus na h-aon mheadhoinean a ghnàthachadh riuthasan a chum am beum-teasairginn a thoirt mu’n cuairt. Chan fhoghainn buidheann an sud is buideann an so a bhi ’g oibreachadh ás leth an ceàrnachan sònruichte féin. Feumar gach iarunn a chur ’san teine agus oidhirp threun, aon-spéirideach a thoirt chum a’ chuid is fearr fhaighinn de na feachdan a tha ’nar n-aghaidh. Na’s lugha na so cha dèan an gnothach, agus an còrr cha ruigear leas a shireadh. Co a threoraicheas sinn anns an ionnsaigh thàbhachdach a tha mar fhiachaibh oirnn a thoirt anns a’ chùis so? Chan fhoghainn aon fhear-iuil—feumar amharc am mach air son triuir, a h-aon m’a choinneamh gach rioghachd fa-leth. Tha Eirinn saibhir an ceannardan sgileil, foghluimte, agus, mar an ceudna, a’ Chuimrigh, ach tha Gàidhealtachd na h-Alba air ais ann am muinntir a tha ro fhada air thoiseach air càch an tàlantan stiuiridh agus an ceannsalachd. Tha am pailteas againn de fhir is de mhnathan a tha àrd an sgoilearachd, ach tha iad ach beag gu buileach a dh’easbhuidh dad de chomasan stiuiridh. Air an làimh eile, is aithne dhuinn fear is fear a tha smearail, smachdail an deasbud agus an riaghladh ach nach do chomharraich iad féin riamh mar sgoilearan no luchd-pinn. Cha fhreagair gin de’n aon [TD 24] t-seorsa no de’n t-seors eile. Tha e iomchuidh do’n fhear-iuil a bhi ceannsgalach an tagradh agus aig a’ cheart àm foghluimte a thaobh gach nì a bhuineas do eachdraidh, do chleachdaidhean agus do ealdhainean ar cinnich, agus eolach, fiosrach a thaobh chinneach eile. Eiridh e a suas ri ùine, ach, ar leam, nach d’thàinig e fhathasd am follais. Aig an àm a tha’n làthair, is e dleasnas nan Tri Rioghachdan seasamh mar aon bhuidhinn a chum spor a thoirt do aobhar nan cànainean, agus chan urrainn iad sin a dhèanamh air mhodh is fearr na tré mheadhoin air chor-eiginn coltach ris a’ Chomunn Mhór-Cheilteach. Is e an dara nì do’m feumar smuain a thoirt cor nan tirean beaga an coimeas ri an coimhearsnach mór, beartach—Sasunn. Chan eil teagamh nach eil eadhoin Eirinn, ged a fhuair i fuasgladh comharraichte o cheann dhéich bliadhna, a’ fulang fhathasd am pailteas de anacothrom air tàilleamh a bann-còrdaidh ris a’ chòrr de na h-Eileanan so. A thaobh Albainn agus na Cuimrigh, tha an cor cho fada o bhi subhailceach ’sa tha e ro fhurasda dha a bhi. Chan eil latha ’sa bhliadhna nach eil iad ag iarruidh nì nach faigh iad ged is e an còir le dlighe is ceartas—is e sin, an roinn laghail de ionmhas na dùthcha. Tha sin air a dhiultadh dhaibh am muigh ’sam mach, ach ’na àite tha iad a’ faighinn cuid de’n spruidhleach a tha tuiteam o bhòrd an nàbuidh. Eadhoin so, chan fhaigh iad ach gu neo-chinnteach, agus gu minig théid a spioladh uatha mu’n gann a gheibh iad ’nan làmhan e. Bha so ri fhaicinn gu soillear anns an ghniomh fhoilleil a rinneadh an co-cheangal ri Rosyth goirid an déigh crìch a’ chogaidh. Chuireadh stad air gach obair a bha dol air aghaidh an sin, chaidh móran a chur am mach á cosnadh, agus chaill na mìltean am maoin ’san stòras air tàilleamh taighean a bhi air am fàgail falamh, bùithean a bha air an ùr fhosgladh a bhi air [TD 25] an dùnadh le cion luchd-ceannaich agus rathaidean a bhi air an dèanamh far nach robh na b’fhaide feum orra. Ach cha robh an so ach a’ chuid bu lugha de’n chall. Chaill Albainn an latha ud, a bharrachd air gach nì dhiubh sud agus na ficheadan eile de’n t-seorsa—chaill i, mar an ceudna, cead agus còir air nì a thagradh an rathad malairt na Stàide ach a mhàin a’ chuid sin dhith nach gabh tarruing air falbh gu deas thairis air a’ Chrich Shasunnaich. Chaill i modh nan rioghachdan eile, agus, nì bu bhrònaiche air fad, chaill i còir air a cuid cloinne féin a theagasg anns an dòigh a bhiodh iomchuidh ’na barail féin. An treasamh rathad ’sam faodadh an Comunn Mór-Cheilteach a bhi ’na mheadhoin air neartachadh suspainneach a thoirt do mhuinntir na Gàidhlig agus na cainnt Chuimrich is e le bhi ag ùrachadh miann agus dùrachd, aig an taigh agus o’n taigh, a thaobh chùisean ealdhain a tha Ceilteach agus eagnaidh ’nan gnè agus ’nan eachdraidh. Tha dearmad mór air a dhèanamh daonnan air a’ chuid so de ar seann nòsan. Chan eil rioghachd is fearr na rioghachd anns t-seadh so (cho fad ’sa tha na fineachan againne air an gabhail a staigh), agus chan aithne dhomh aon Cheilteach a thug bàrr air càch uile an obair snaidhidh no an obair tarruing. Tha againn na h-uiread de bhàird, tha ar n-ùghdair eile glé lionmhor, ach chan eil ar luchd-ealdhain ach anabarrach tearc. B’fhurasda chunntas air meuran na h-aon làimhe na th’aig gach rioghachd fa leth de’n t-seorsa so de mhuinntir, agus tha a’ ghainne so a’ cur dorrain agus campar air móran de ar cuid sluaigh. VI. ’Dé an dòigh ’sam b’urrainn do’n Chomunn Mhór-Cheilteach cuideachadh anns a’ ghnothach so? B’urrainn da sin a dhèanamh [TD 26] le bhi a’ tairgse dhuaisean air son a bhi (1) a’ tarruing (a) le daithean agus (b) gun daithean, (2) a’ snaidheadh agus (3) a’ deilbh nithean rìomhach a bhuineadh do éideadh no do airneis an cloich, am miotailt, no an leathar. So car anns nach urrainn aon rioghachd ’sam bith, ge mór a h-ìnnleachdan agus a tàlantan, cothrom a thoirt dhith féin no do a luchd-ealdhain anns an tomhas agus air a’ mhodh ’sam biodh e iomchuidh dhith sin a dheanamh. Is cubhaidh do’n “Trì” dol cuideachd anns an aobhar so. Ma ni iad uile an culaidh-mhaithis chan fhada gus am bi beartan is ealdhaidhean nan Ceilteach air a meas airidh air àite beag no mór air chor-éiginn an uair a bhios oibrichean de’n t-seorsa sin air an toirt am follais agus air am meas airidh air sàr-bheachd an t-sluaigh. Chan eil mi ag ràdh idir gur còir cumail ris na seann chruthan ann a bhi ’cumadh dhealbhan no eile an cloich no air cainbheis. Tha sinn a fàs sgith de cheann na nathrach, de’n chìr, de’n sgàthan, de na cromagan ceithir-oisinneach agus leth-chruinn agus de’n luingis neonaich leis an sgioba neonach, mar thoirear cho tric fo’r comhair air an latha diugh. Thoireamaid oidhirp air imeachd leis na tìmeanna a th’ann, agus riochdaicheamaid nithean mar a tha iad is chan ann mar a bha iad am beachd mhuinntir eile anns na linntean a dh’fhalbh. Tha trì nithean fuaighte ris a’ chuspair so a dh’fheumar a thoirt gu soillear fa-near: an toiseach gu’m bheil strìth feumail m’a tha fiughair ri buaidh thairis air uabhar is tarcuis nan cumhachdan a tha ’nar n-aghaidh, eadhoin ealdhainean agus féin-aithneachadh Shasuinn; a rithisd, eolas a bhi air a thoirt do’n phobull a thaobh brìgh agus eachdraidh ar n-ealdhain, agus anns an treasamh àite, luchd-teagaisg smearail, sgoinneil a bhi air an cur air leth a chum a bhi cur a’ chuspair so gu h-eagnaidh f’a chomhair na cloinne anns gach aon de àrd-sgoilean na Gàidhealtachd. [TD 27] A nise, tha mi ullamh de’n chuid so de’m cheann-teagaisg. B’fhearr leam gu’n robh barrachd ùine agus ruim agam gu dol a staigh ann na’s faide. Ach, their mi so anns a’ chrìochnachadh: gu’m bheil e no fhreagarrach atharrachadh mionaideach a dhèanamh air na riaghailtean a bhuineas do’n Chomunn Mhór-Cheilteach agus do na fo-chomuinn a tha ’ga chumail air dòigh. VI. Is còir aon riaghailt ùr a chruthachadh leis am bi na fo-chomuinn air an dèanamh a suas de àireamh shònruichte de bhuill ás na h-uile rioghachd fa-leth, a réir lìonmhorachd a sluaigh agus chan ann a thaobh lìonmhorachd a sgoilearan. Cho fad ’sa bhios an dara fine a’ faighinn barrachd cothroim ’sa gheibh fine eile nach eil dad air dheireadh ’an cliu no an àireamh pobuill, chan ion fiughair a bhi ri dad ach tnù, farmad agus tomhas àraidh de mhì-rùn, agus cha bhi buaidh no sonas air saothair a’ Chomuinn. Cothrom a h-aon a tha na fineachan a’ sireadh, agus leis na’s lugha na sin cha bhi gin dhiubh toilichte. Riaghailt eile a dh’fheumar a dheilbh, agus is i sin gu’m bi na’s lugha de chirceileis aig na còmhdhailean bhliadhnail—na’s lugha de shùgradh agus de iomairt agus am barrachd ùine air a tabhairt do chùisean cudthromach ar pobuill. Their mi a rithisd nach eil e dligheach ceistean a bhuineas do shìth ’nam fineachan a thaobh an ceangal ris an Stàid a bhi air an cumail gu buileach ás an rathad, mar nithean gun snas agus gun tairbhe. Tha Albainn agus a’ Chuimrigh fhathasd ás eugmhais cumhachd Féin-riaghlaidh anns an tomhas is lugha; agus gus am faigh iad sin, chan urrainn móran de mheas no de rath a bhi air ar n-ealdhain Cheiltich. Bidh i leth-choltach ri coinnlear anns an [TD 28] do chaith a choinneal gus an deachaidh i ás agus anns nach faodar coinneal ùr a chur do bhrìgh nach eil còrdadh no suaimhneas am measg mhuinntir an taighe. Tha cuid-éiginn o’n taobh am muigh a’ cur breislich orra le bhi ’gealltainn dhaibh coinnlear airgid air chùmhnanta nach cuir iad ann am feasda ach coinneal ghallda a cheannaicheas iad uaithe féin. Tilgeamaid dhinn breisleach an t-Sasunnaich, agus gabhamaid thugainn sgiath a chreideamh leis am faigh sinn buaidh thairis air uabhar agus mi-chneasdachd ar nàbuidh. Dùisgeadh an Comunn Mór-Cheilteach ás a chadal, agus chì e gu h-aithghearr beartan móra agus iongantach air an toirt gu crìch, chan e mhàin am piseach an t-sluaigh a thaobh an teachd-an-tìr ach, mar an ceudna, a thaobh gach subhailc agus grinneas a bhuineas dhaibh mar fhineachan Ceilteach. AONGHAS MAC EANRUIG. [TD 29] Slighe nan Seann Seun SAOIBHIR sìth nan sian an nochd air Tìr-an-Aigh, Is ciuine ciuil nam fiath ag iadhadh Innse Gràidh, Is èasgaidh gach sgiath air fianlach dian an Dàin Is slighe nan seann seun a’ siaradh siar gun tàmh. Saoibhir com nan cruach le cuimhne làithean aosd’, Sona gnùis nan cuan am bruadair uair a dh’aom; Soillseach gach uair an aigne suaimhneach ghaoth— O, làithean mo luaidh, ’ur n-uaill, ’ur n-uails’, ur gaol! O, làithean geala gràidh le’r gràthan glana còir’, O, aimsirean an àigh le’r gàire, gean, is ceòl— O, shaoghail nan gràs nan gàthan aithne ’s eòil, C’uime thréig ’s nach d’ fhàg ach àilte àin ’ur glòir’? An ioghnadh deòin is dùil bhi dol a nùll ’nar déidh, Ri ionnduinn nan rùn a lion ’ur sgùird le spéis? An ioghnadh ceòl nan dùl bhi seinn air cliù ’ur réim’ Is fabhra crom gach sùl’ bhi tàis fo dhùbhradh léug? A làithean sin a thriall le ial-luchd àis mo shluaigh, C’uime thàrr ’ur miann gach dias a b’fhiachmhor buaidh? An ioghnadh an iarmailt shiar bhi nochd fo shnuadh, ’S ’ur n-àrosan an cian bhi laist’ le lias bith-bhuan? An ioghnadh lom gach làir bhi ’luaidh air làn ’ur sgeòil? An ioghnadh cnuic is ràdh a chomha-thràth ’nam beoil? An ioghnadh cruit nan dàn bhi bìth fo sgàil’ a neòil— [TD 30] Is ealaidh-ghuth nam bàrd gun seun, gun sàire seoil? Cha neonach cìll mo shluaigh an cois nan cuan bhi balbh, Chan ioghnadh uchd nan tuam bhi ’n tòic le luach na dh’ fhalbh, O, shaoghail, is truagh nach tìll aon uair a shearg, ’S nach tàrr mo dheoin, ge buan, aon fhios á suain nam marbh! D. M. N. C. [TD 31] Virgil MAR shoillsicheas tigh soluis an dorchadas na h-oidhche, sin mar tha Virgil a’dealradh troimh na ginealaich. Tha a nis dà mhìle bliadhna o rugadh e; gidheadh tha ’ainm an diugh cho iomraiteach ’s a bha e riamh. Anns gach cearn a dh’ionnsuidh an tàinig oilean nan Ròmanach tha cuimhne ri chumail aig an ám so air Publius Vergilius Maro, a rugadh dlùth air Mantua, air a’chòigeamh latha deug de’n Dàmhar, trì fichead bliadhna ’s a deich roimh àm ar Slànuighear. Bha athair a’ bhàird ’n a thuathanach, aig a robh treabhachas dha fhéin, saor a grunnd. Air do ’n tuathanach bhi cothromach an crannchur, bha comas aige air deagh fhoghlum a thabhairt d’ a mhac. Chaidh Virgil eideachadh an sgoilean Chremona agus Mhilan. Bha na sean bhailtean sin eadhon cho tràth sud, fada air an aghaidh am fiosrachadh. An déidh sin chuireadh an t-òganach mu dheas gu Naples, far an d’fhuair e eòlas farsuinn air cainnt is litreachas nan Greugach. Tha an eachdraidh ag innse gun deachaidh e mu dheireadh gu baile mór na Ròimhe féin, agus gun tug e dearbhadh air neart a bhuadhan, le eòlas labhraidh agus feallsanachd. Bha am mùineadh eagnuidh so ’n a dheagh ullachadh airson na h-obair shonruichte a bha gu ainm Virgil a dheanamh aithniche agus maireannach. Mar dh’fhaodas muinntir a thuigsinn tha gach aon a fhuair [TD 32] a’ bheag de eòlas air Laidiunn, fo chomain mhóir do Virgil. Ach tha aobhar gum biodh luchd labhairt na Gaidhlig gu h-àraidh a’ nochdadh spéis dha, a chionn ’s gur e Ceilteach a bha anns a’ bhàrd e féin. Aréir nan cunntas bhuineadh a chuideachd do chinneadh nan Galli, a chuir ceann a tuath na h-Eadailt fo chìs fada roimh latha Virgil. Dh’fhuirich na Ceilteich anns an dùthaich thoraich agus mhaisich ud ris an abradh daoine Gallia Cisalpina. Lean cainnt is cleachdaidhean nan Galli anns an dùthaich sin fad iomadh linn. Is tric a mhothaich sgoilearan gu bheil feart no dhà an saothair Virgil, a tha ’g a chur air leth leis fhéin seach bàird Ròmanach eile. Tha sin nàdurrach gu leòir ma tha esan de threubh eile. Anns an oidheirp so bu mhiann leam cuid de na nithean sin a chomharrachadh anns a bheil Virgil eadardhealaichte o sgrìobhaichean Ròmanach, agus anns a bheil coltas aig a chuid saothair ri gnè agus gluasad na h-inntinn Cheilteich. Their cuid gu bheil Virgil ag aithris air feadhainn de na bàird Ghreugach. Bha a leithid sin fasanta aig an àm. Bha e mar chleachdadh aig na bàird Ròmanach a bhi a’ leagail càradh an cuid dhàn air eisimpleir nan ùghdar Greugach. Bha iad ag amhare le meas air sgrìobhaichean ainmeal na Gréige. Thachair ni eigin coltach ri sin an Sasuinn. An déigh ath-dhùsgadh an fhoghluim an Sasuinn bha e mar riaghailt aig na sgoilearan a bhi a’ leantuinn dòigh nam Frangach is nan Eadailteach. Sin mar an ceudna mar thachair anns a’ Ròimh, an uair a bha litreachas na Laidiuinn a’ fàs suas. Is gann gu bheil ùghdar sonruichte anns a’ Laidiunn nach eil a shaothair air a cumadh aréir samhuil Ghréughach. Tha Horace ag aithris air Alcaeus; tha Lucretius a’ leantuinn Empedocleis; tha taobh aig Terence ri Menander; agus ghlac [TD 33] Propertius an dòigh aig Callimachus. Mar sin bu nòs do dhaoine tàlantach a bha a’ sgrìobhadh anns a’ Laidiunn, gu sonruicheadh iad Greugach ainmeal, agus gun dealbhadh iad an obair féin air innleachd sgrìobhaidh an fhir sin. Is ann air a bhonn so a tha cuid de ’n bheachd, gu bheil Virgil anns na h-Eclogues a’ togail dòigh Theocrituis; gu bheil suaithealas aig na Georgics ri bàrdachd Hesioid; agus gu bheil an Aeneid fhéin air a suidheachadh aréir rian is ranntachd na h-Iliad aig Homer. Ged tha coimhcheangal eadar Virgil is feadhainn de na Gréugaich, gidheadh is còir dhuinn rabhadh a thairgse nach eil sin a’ ciallachadh gu bheil cion geurchuis no gainne bhriathran air Virgil. Is dearbhadh air a chomas gum b’ aithne dha aithris air trì dòighean Gréugach. Bhiodh e comasach, maith dh’ fhaoidte, aithris air dòigh no dhà eile, nam biodh feum air. Tha cinnich a’ gabhail iosaid o chéile an nithean eile, cho maith ri dòigh sgrìobhaidh. Cuimhnich air togail thighean is aitribhean, air teampuill aoraidh is air luchairtean. Tha gach cinneach a’ meudachadh an iosaid, a’ cur an earrann fhéin ris. Chan eil àicheadh nach eil buaidh aithnichte air Virgil, gu bhi tàladh na h-inntinn, is a’ gluasad nan aignidhean. Chan eil anns an iosad a ghabh e o na Gréugaich ach céis, anns a bheil a chuid neamhnuidhean loinnireach féin air an càradh. Tha e fortanach gu robh Virgil measail aig uaislean a bha ’n an companaich leis ag ionnsuchadh anns a’ Ròimh. Fhuair aon diu sin gu àrd inbhe mar uachdaran air Gallia Cisalpina. Mar thoradh air a’ Chogadh Shìobhalta bha Virgil an cunnart gun cailleadh e seilbh air a chuid fearainn, dlùth air Cremona. Ach bha an t-uachdaran so comusach air a dhìon; agus mar an ceudna air cothrom a thabhairt do Virgil gu eòlas fhaotainn air an Iompaire [TD 34] Augustus, ni a bha ’n a chuideachadh is ’na mhisneachadh mór do ’n bhàrd. Tha e air innse gun do ghabh an t-Iompaire tlachd dheth. Tha e coltach gu robh buaidh tharruinn air leth an nàdur Virgil; gu robh e gasda flathail ’na ghluasad; gu robh a dhòigh ciùin agus cùirteil gun bhi idir brosgulach; gu robh e caomh gun uaill aimeadaich; agus mar sin gu robh e mùirneach aig ìslean is uaislean. Is minic a chithear farmad eadar bàird a tha beò agus ainmeal aig an aon àm comhla. Ach cha robh fuath no farmad an inntinn Virgil. Bha e cho iriosal ri leanabh. Bha gràdh mór aig Horace air Virgil; agus tha e coltach gu robh sgrìobhaichean eile a cheart cho déidheil air. An uair a thàinig am bàs air Virgil aig aois leth cheud bliadhna, bha caoidh is bròn anns an tìr nach fhacas ach tearc a leithid. Is ann aig Naples a fhuair e bàs; agus is anns a’ bhaile sin a chaidh ’adhlacadh. Is iad na h-Eclogues a’ cheud chuid de shaothair Virgil. Tha na deich duain sin an cruth còmhraidh, mar gum b’ ann eadar maighdeanan is òganaich air an dùthaich, agus iad ri banarachas is buachailleachd. Tha an òigridh a’ beadradh ri chéile, le ionracas is cridhealas. Tha iad a’ seinn is a’ cluich le sunnd is ceòl-gàire. Tha spiorad inntinneach anns na duain ainmeal so. Tha iad a’ coimeas simplidheachd beatha na dùthcha ri grinneas is gleadhar a’ bhaile mhóir. Is coltach gun do dhealbh Milton an duan aig Lycidas air iomhaigh nan Eclogues aig Virgil, dìreach mar rinn an Ròmanach fhéin aithris air na duain Ghréughach aig Theocritus, a bha beò dà cheud bliadhna roimhe sin. Ach tha eadar-dhealachadh mór eadar an Gréugach agus an Ròmanach. Tha an Gréugach cosmhuil ri Burns—tha e fhéin am measg na cuideachda, a’ sgrìobhadh an cainnt na h-àiridh, air chor gu bheil an dealbh fìor gu litireal. Ach air an làimh eile is ann a tha Virgil a’ sgrìobhadh [TD 35] le cainnt shnaidhte is le inntinn sgoileir, mu chor simplidh iriosal na h-àiridh, gu bhi ’ga aithris aig cùirt an rìgh is an caisteil nan uaislean. Tha an ceathramh duan de na h-Eclogues ainmeal airson an leth-bhreac iongantach a tha am bàrd a’ deanamh air linn an àigh—cuspair air a bheil na seann bhàird Cheilteach déidheil. Anns an t-seadh sin tha Virgil mar neach a chunnaic sealladh a dh’fhosguil a mhac-meanma. Chan fhaighear a leithid eile de leth-bhreac anns na h-ughdair Ròmanach. Chan eil Gaidheal no Cuimreach a leughas an ceathramh Eclogue nach aithnich an sin iarrtus diamhair a’ chridhe Cheilteich air nithean is àirde na tha aig clann nan daoine anns a’ staid a tha làthair. Is e Pollio is ainm do ’n leanabh mhìorbhuileach aig am bi an raighladh anns na làithean sona, an uair a théid cionta an t-sluaigh a dhubhadh a mach. Teichidh geilt is eagal, agus comhlaichidh gaisgich is diathan ri chéile. Bheir an talamh a thoradh gun saothair an fhir-àitichidh. Fàsaidh na dearcan air an fhìonan gun obair làmh. Bithidh am buar is an spréidh mar mhiannaicheas cridhe an tuathanaich. Cha tig puinsean á lus a dh’fhàsas as an talamh; agus caillidh gath na nathrach a neimh. Is ann mu àiteach an fhearainn a tha Virgil a’ seinn anns na Georgics. Bha innleachd a’ bhàird de ’n ghnè sin a chuireas loinn air cuspair sam bith is àill leis. An àite nam briathran a bhi a’ tarruing maise bho thaitneas a’ chuspair, is ann a tha an cuspair fhéin ’g a chomhdach ann a’ rìomhadh as ùr o mhaise is loinn nam briathran. Tha Virgil a’ cur annas nuadh mu sgrìob a’ chruinn air an achadh. Tha an leughadair no an luchd-éisdeachd a’ beachdachadh le cùram is aire nuaidh do ’n t-sioladair a’ cur an t-sìl. Le grinneas cainnte a tha mar cheòl binn tha am bàrd a’ tilgeadh [TD 36] eireachdais air gach gnìomh a tha feumail gus am fonn àiteach; mu gach cor anns a faighear an toradh is fhearr. Tha stiùireadh is comhairle le chéile ’g an tairgsinn, an cainnt a tha comhnard agus maiseach. Is e maise nam briathran an gnothuch sonruichte; agus is sin a’ cheart mhaise mun do sgrìobh Arnold a thaobh bàrdachd nan Ceilteach; a’ bhuaidh inntinn a chuireas loinn neo-thalmhaidh air nithean a tha annta fein cumanta. Nach mionaideach an cunntas a thug Virgil air an t-seillein, anns a’ cheathramh leabhar de na Georgics! Tha e ’g an coimeas ri sluagh a tha umhail do lagh, agus a’ tàmh am bailtean a thog an làmhan fhéin. Mar is trice tha bàird eile riaraichte le earail is modhanan a tharruinn o dhìchioll an t-seillein; mar shiùbhlas e le srann o bheinn gu tràigh, o mhoch gu anamoch, fad finn fhuineach nan làithean sona samhraidh. Gheibh iad teasgasg gu leòir o chosamhlachd an t-seillein, a’ trusadh na meala o gach lus, agus a’ caonadh lòin fa chomhair latha na h-éigin. Ach chan e sin dòigh Virgil. Agus chan e sin dòigh Mhic Mhaigstir Alasdair. An Allt an t-Siucair tha am bàrd a’ cumail air falbh o theagasg, agus a’ tionndadh aire gu h-iomlan gu maise nàduir mar chrìch innte féin a tha airidh a bhi ’n a cuspair aoibhneis: “Mil-dheocla sheillein srianach, Le crònan ’s fiata srann, ’N an dithibh baglach riabhach, Mu d’ bhlathaibh grianach chrann; Sraibh-dhrucain dhonna thiacaidh Fo shinean cìochan t-fheoir, Gun teachd an tìr no bhiadh ac’ Ach fàile ciatach ròs.” Tha Virgil agus Mac Mhaighstir Alasdair a’ fàgail an teagaisg [TD 37] aig na bàird is lugha. Is e tha mhiann air Virgil a bhi nochdadh maise na cùise, saor o earail ach earail na maise féin. Bha mil nan seillein a’ deanamh suas earrann de bhiadh an t-sluaigh anns an Eadailt. Mar sin bha cùram nan seillein coitchionn, agus bha am bàrd mion eòlach air dòighean a’ chreutair iongantaich so. Ann a bhi ag innse mu ghnàths an t-seillein ’n a dhol a mach gu gnìomh, agus a’ gluasad air uairibh an òrdugh mar fheachd, tha an t-ùghdar a’ faotainn cothrom air maise nàduir a chur an céill air mhodh barraichte. Mar sin tha e a’ brosnuchadh cridhe, agus a’ fosgladh sùilean dhaoine, gu bhi a’ beachdachadh nas géire air oirdheirceas na cruitheachd. Is i an Aeneid prìomh-obair Virgil, ged fhuair e bàs gun snas deireannach a’ thabhairt do ’n dà leabhar dheug anns a bheil an Aeneid air a roinn. Aig an àm ud bha an Ròimh an àrd chumhachd. Bha gach Ròmanach mór as a dhùthaich. Bha an luchd riaghlaidh an ionad mórchuiseach. Bha e cubhaidh gum biodh sgeul na Ròimhe air a h-innse as ùr, agus sin le alt, agus le greadhnachas bhriathran. Bha dìlseachd do a dhùthaich daingean an cridhe Virgil; agus is e gràdh dùthcha a tha mar spionnadh is mar dheacadh diamhair do dhàn mór na h-Aeneid. Bha faireachaidhean Virgil tais agus domhain; agus tha ni éigin tiamhaidh ’n a nàdur, a tha a’ deanamh a bhàrdachd druighteach. Tha comas aige gu deòir a ghluasad le nithibh muladach. Ach air an làimh eile tha e a cheart cho comasach air eagal no iongnadh a dhùsgadh le nithibh uamhasach. Chaidh sgeul na h-Aeneid a chur an Gaidhlig o chionn còig ceud bliadhna is corr, mar chithear an aon de na leabhraichean aig Comunn nan Sgrìobhaidhean Gaidhlig. Tha eadar dhealachadh eadar gaisgeach na h-Aeneid agus [TD 38] gaisgich an latha an diugh. Thug dà mhìle bliadhna mùthach mór air beachdan a’ chinne daonnda. Tha cuid an dùil gu bheil Virgil neo-bhàigheil airson an dòigh anns do nochd e Aeneas ’n a ghiùlan a thaobh na banrìgh Dido. Ach tha na breitheamhan a’ dichuimhneachadh gu robh Virgil a’ creidsinn gu treibhdhireach an toil nan diathan; agus gu robh rùn nan diathan borb gu leòir mar bu trice. Faodaidh na beachdan sin an diugh a bhi faoin ann ar barail-ne; ach bha uair a bha iad glé fhìor do na Ròmanaich. Bha e an dàn gu fàgadh Aeneas Dido as a dhéidh. Bha sin an dàn a chionn gu robh gnothuch mór aige ri sheasamh, agus dleasdanas àrd ri choimhlionadh, eadhon gun togadh e baile na Ròimhe, agus gu stéidhicheadh e a cumhachd air an talamh. Chithear an inntinn Cheilteach gu sonruichte anns an t-séamh leabhar de ’n Aeneid, far a bheil Virgil ’g ar treòrachadh gu saoghal nan spiorad. Is cuimhne leinn gun do thagh Dante a’ cheart fhear stiùiridh air an turus cheudna. Tha an Elysium aig Virgil glé choltach ri Tìr nan Og. Bha an dùthaich gun bhròn mar ionad fois do spioraid nan Ceilteach. Tha muinntir na dùthcha sin air an dealachadh o phian is olc na beatha bhàsmhor. Tha na buadhan so air fad air an Elysium a tha Virgil a’ lorgachadh. Ach tha ni eile ri ainmeachadh a tha a’ nochdadh gu ’n d’fhuair Virgil á chuid so de ’n bheachd o chreideamh a mhuinntir féin, eadhon na Ceiltich. An litreachas nan Gaidheal tha luchd turuis a’ tighinn á Tìr-nan-Og. Tha sin mar gum biodh iad a’ fàgail na dùthcha ud, gu bhi tighinn air chuairt am beatha do ’n t-saoghal, agus a’ tilleadh air an ais a dh’ionnsuidh na tìre o ’n táinig iad. Is ann mar sin tha an Elysium aig Virgil. Chunnaic Aeneas an spiorad aig ’athair fhéin; agus chunnaic e cuideachd spioraid na feadhnach a bha gu bhi mór an Iompaireachd na Ròimhe anns na linntean ri teachd. [TD 39] Sgrìobh Virgil a’ chuid is mò de chuid bàrdachd an ranntachd shé-chasach na gaisge, a bha air a cumadh le Homer, ochd ceud bliadhna roimhe sin. Is e Virgil a thug an cruth bàrdachd so gu inbhe choimhlionta anns an Eadailt. Bha e comasach air nithean ciùine caoibhneil a luaidh innte, cho maith ri nithean gaisgeil. Is ann mar fhear ealadhain cainnte gun choimeas a tha Virgil iomraiteach. Rinn e an Laidiunn ’n a h-inneal gu faireachaidhean caomha a chur an céill. A choinn gu robh buaidh is tlachd ’n a bhriathran, thug luchd teagaisg na cànain Laidiunn iomadh mìr o Virgil mar mhìneachadh air riaghailtean gràimeir. Mar is trice is i an Aeneid a’ cheud bhàrdachd Laidiuinn a chuirear an làimh na h-òigridh. Is lìonmhor sgoileir a fhuair a’ cheud bhlas air maise státail nan seann chànain Laidiuinn, o bhi a’ leughadh na h-Aeneid. Anns an ranntachd ghaisgeil tha beothalachd iongantach, ged tha na srethean tomadach, le dà shiolla dheug anns gach sreth. Tha a’ Ghaidhlig, mar chainnt aosmhor, fada fada air thoiseach air a’ Bheurla, gu bhi a’ cleachdadh ranntachd Virgil. Tairgidh mi fadheoidh mar eisimpleir air an ranntachd sin sreth no dhà o dhuan ris an canar An Oidhche, a chuir mi ri chéile mar oidheirp, o chionn corr is deich bliadhna fichead:— “Taitneach mar roghain nan ceòl no aisling air òran nan aingeal, Dhaibhsan uile tha sgìth tha tiodhlacan ùrail na h-oidhche; Ban-righ nan sochairean sèimh do ’n dream a tha claoidhte le cruadal, Sochairean milis a’ chadail, mar dhealt an tiormachd an t-Samhraidh. . . . . Dùinidh an ròs a dhuilleagan, paisgear pleatan an neònain; Builichear treòir as ùr le fois air beatha gach creutair; [TD 40] Caidlidh am fiadh ’s a’ bheinn, ’s an t-eun ’s a’ choill gus am faicear Dealradh daoimein an driùchd ann an greadhnachas glòrmhor na maidne.” NIALL ROS. [TD 41] Sgeul Neonach. O CHIONN ghoirid, fhuair mi naidheachd bho sheann duine a mhuinntir Thirithe, is mar iomradh air creideas anns na sidhichean, tha mi an dùil gu bheil i air naidheachd cho annasach ’s a chuala mise no aon eile riamh. Tha an duine a thug dhomh i an diugh fathast beo, slàn, is dh’fhaodadh e féin a’ cheart iomradh ’s a tha mise am beachd a thoirt dhuibh a thoirt do aon air bith agaibh le a bhilean féin, is e sin mur a bheil sibh ’ga mo chreidsinn-sa gu’n cuala mi aige i, no ma tha sibh a’ smuaintinn gur e mi féin a rinn suas i. An ceartair cha téid mi na’s fhaide na a cheud ainm a thoirt seachad, ach dh’fhaodainn a làn ainm a thoirt dhuibh, oir chan eil mi an dùil gu’m biodh ni aige féin ’na aghaidh ged a dheanainn sin a thoirt seachad. Co-dhiu, innsidh mi dhuibh gur e Iain a’ cheud ainm a tha air, agus aon sam bith a bhios a’ dol rathad nan ceidheachan, is docha gu’n tachair e air no oirre, uair no uair-eiginn, is e ’na shuidhe aig braidseal teine ag aire rud no rud-eiginn a bhios ’na fheum sin ré na h-oidhche shios mu Abhainn Chluaidh. Tha e an diugh, mu’n d’thubhairt an Salmaidh e, os-cionn nan “tri fichead bliadhna ’s a deich,” agus is cinnteach nach aois fhreagarrach sin gu teannadh ri innseadh nan dula-bhreug. “An uair a bha mise ’nam ghille òg,” thòisich mo charaid, “shiubhail cailin ghrinn, a bha glé dhlùth air m’aois féin—car mu naoi bliadhna-deug—a bha a’ tàmh anns an ath bhaile ruinn. [TD 42] Tha fios agad féin a nis, mar a bha e ’na chleachdadh anns na h-eileanan anns an àm sin, mar a tha e eadhoin fathast, a bhi ag caithris nam marbh. Ach an uair ud bhiodh an tigh anns am biodh am marbh làn bho bhalla gu balla, agus glé thric, feumaidh sinn aideachadh, cha b’e am bròn a bhiodh a’ tighinn fa-near do’n luchd-caithris, gu sònraichte na’m b’e seann duine a bhiodh air an eislinn; ach co-dhiu, chan eil gnothach aige sin ris an sgeoil, na’s fhaide na gur ann air an rathad gu tigh na caithris a bha sinn an uair a dh’éirich ni cho neonach dhòmhsa ’s a chualas a dh’éirigh do dhuine riamh. “Dh’fhàg mi féin agus gille òg eile tuaiream air an aon aois rium am baile againn féin gu dol a chaithris do ’n tigh anns an robh a’ chailin marbh. Dh’fhàg sinn an tigh againn féin car mu naoi uairean, is an t-àm de ’n bhliadhna a bha ann bha an oidhche cho dorcha ’s a bhitheadh i an uair sin. Bha an oidhche briagha; cha robh gealach ann, ach an ealtainn còmhdaichte le reultan, is Sgriob Chloinn Uisne mar bhabhunn de chobhar reodhta a’ sgoilteadh na speur ’na dà leth. Ghabh sinn rathad na machrach a bha eadar an dà bhaile, agus an uair a bha sinn a nunn mu oir nam bacannan gainmhich a’ tarruing ri Cill Choinnich, dh’fhuasgail barr-iall mo bhròige féin, is stad mi tiota gus an ceanglainn i. ’Bidh mi agad an ceartair’, thubhairt mi ri mo chompanach, is lean esan air. Cha robh mi fada ag ceangal mo bhròige, mar a thuigeas sibh, is an uair a dhirich mi mo dhruim, ged a chaill mi sealladh air mo chompanach, bha mi ag cluinntinn fuaim a chos air thoiseach orm a nunn am machair. Ach cha bu bhuileach a tharruing mise ris an astar a rithis ma a dh’fhairich mi an aon fhuachd sin a’ tighinn mu m’ thimchioll, is mar gu’m biodh meall de cheo—no ni-eiginn na bu mhiosa—’na chois. Chaill mi [TD 43] sealladh air na reultan; bha an dorchadas a dh’iadh mu’n cuairt orm cho tur ’s cho iomlan is gu’n robh e ionnas ’ga mo cheangal is ’ga mo sgèinneadh ris an talamh; bha e mar chudtrom orm nach gabhadh crathadh dhiom, is e a’ drùdhadh a steach eadhoin air mo smior! Ach cha do lean mi fada mar sin, is a thiota dh’fhairich mi mi-féin ’ga mo thogail suas bho’n talamh, is mar gu’m biodh cumhachd a thaobh-eiginn ’ga m’ iomain troimh an athar le astar nach b’urrainn dhomh a chuimseachadh no a thomhas. Bha an aon fhuachd mu’n cuairt orm, eadhoin fuachd nach d’fhiosraich mi riamh a leithid, ach a’ gheilt a bha ’na mo chré cha b’urrainn dhomh aon chuid àireimh no innseadh. “Chan fhios domh ciod cho fada ’s a lean sin,” arsa Iain, “ach ri ùine dh’fhairich mi mi-féin mar gu’m bithinn a’ tighinn gu talamh, is gun dàil fhuair mi mi-féin air mo leagail go socrach ’na mo shuidhe, is c’àit an robh mi air mo leagail ach air cnap creige, is sin cho réidh, socrach, is ged a bhithinn air suidhe air furm aig an teine. Dh’fhan mi mar a bhà mi, gun làmh no cas a ghluasad, is dh’éisd mi. Bha an aon dorchadas mu’n cuairt orm, is an aon fhuachd ’gam mheileachadh, mar chumhachd nach gabhadh tilgeadh dhiom, is mi an dùil gu’n robh fuil bhlàth mo chridhe an impis reodhadh ann am chuislean. Seadh, dh’éisd mi; is ciod a b’ioghnadh leam na sorthuinn na mara a chluinntinn mu’n cuairt orm. Chuir so mi gu meomhrachadh, ach an aon phriobadh soluis gu buadhan mo chinn a chuideachadh cha robh r’a fhaicinn: eadhoin an aon leus air athar, air speur no air fonn cha robh léirsinneach do’n t-sùil. Mu dheireadh dh’éirich mi gu réidh, athaiseach, is a’ tomhas gach òirleach le bonnaibh mo chos, rinn mi air a’ bhristeadh-mhara a bha mi ag cluinntinn. Fhuair mi an fhairge, is le leantainn gu snàgach, cùramach, am [TD 44] bil na tuinne, thuig mi gur ann air eilein beag a bha mi. Is e a bhuail ’nam inntinn a nis gur ann air eilein beag air a’ chladach a Tuath ris an abrar Còmhsalum a bha mi, is an sin féin chuimhnich mi gu’n robh tri cuiseagan ruadha a’ fàs á fior mhullach Chòmhsaluim an sgoraig bhig a bha an sin, is shuidhich mi m’ inntinn air feuchainn ri màgaran suas gu mullach an eilein feuch am faighinn iad is an dearbhainn mar sin an ann air Còmhsalum da rireadh a bha mi no nach b’ann. Na’m faighinn na tri cuiseagan bhithinn dlùth air a bhi cinnteach as an ionad iomallach a bha an so air an d’fhàgadh mi, agus a bharr air sin, bha fios agam an uair a thigeadh e gu leathach tràghaidh gu’n rachadh agam air grunnachadh thar a’ chaolais bhig a bha eadar e féin is tir. Fhuair mi streap gu mullach an eilein, ach a dh’aindeoin mar a rùraichinn chan fhaighinn ach an aona chuiseag ruadh! B’ann de na h-uiread sin féin, is theagamh, shaoil mi, gu’n do spionadh na dhà eile le duine no an dòigh air chor-eiginn; co-dhiu, dh’fhaodadh e bhi gur ann an Còmhsalum a bha mi, ged nach robh na comharraidhean air fad no gu h-uile agam, is leis a’ bheachd sin an taice ri m’inntinn bhreithnich mi mo shuidheachadh as ùr. An uair a bha mi an dùil gu’m bu chòir do’n làn a bhi anns an t-suidheachadh a bhiodh freagarrach, rinn mi air a’ ghnob a bha mi an dùil a bu dlùithe air tir, is ghabh mi a mach air a’ mhuir. Bha an sàile fuar, ach b’e am faochadh e seach am fuachd a bha ’na mo chnàmhaibh-sa bho’n a thogadh bharr na machrach an toiseach mi; ach bha mi a’ dol fodha is a’ dol fodha, agus cha robh a’ choltas orm a bhi a’ teannadh ris an tanalach a bha mo shùil rithe air taobh tire de’n chaolas: cha robh agam mar so ach tilleadh. A réir gach coltais, bha mi air eilein mara gun teagamh, ach ma bha cha b’e Còmhsalum e, [TD 45] agus cha b’ eilean eile e air an d’fhuair mise fiosrachadh riamh ’na mo chuairt air feadh an t-saoghail. “Is e a rinn mi a nis (lean mo charaid air) gurraban a dheanamh dhiom féin an taic creige, is mi an dùil feitheamh gu faidhidinneach gus an tigeadh gairm choileach no solus latha is am faicinn c’àit an robh mi. Air dhomh mi féin a shocrachadh anns a’ bheachd so, is mi a’ smuaineachadh rium féin ciod idir an staing so anns an do thuit mi no an do chuireadh mi, dh’fhairich mi an ceart chumhachd ceudna a thog mi air a’ cheud chrathadh-rithe ’gam thogail air an dòigh cheudna bho thaic na creige aig an robh mi ’nam shuidhe, is air falbh a bha mi mar a’ ghaoth a rithist gun fhios c’àite. Bha an aon astar fodham, ach fathast gun mi a’ faicinn leus; gu ruig so, an aon leus chan fhaca mi, beag no mór, bho’n a dhirich mi mo dhruim an déidh barr-iall mo bhròige a cheangal air Machair Chill Choinnich! Dh’fhairich mi an so, an déidh dhomh a bhi a’ siubhal athair ré ùine air nach robh tomhas no cuimse agam, mi-féin a’ tighinn a bhàn, is an uair so cha b’ann gun fhios dhomh a thàinig mi gu talamh! Leis an t-sad a thug mo bhonnan air an làr, ged is ann am baca gainmhich a thuit mi, cha mhór nach deach mo shléisdean troimh na cruachain, is chaidh mi fodha anns a’ bhaca gu ruig na glùinean. B’e mo bheachd ’na dhéidh sin gu’m feum gu’n do ghoir an coileach aig a’ cheart mhionaid sin, ged nach cuala mise e, is gur e sin a chuir gu talamh cho ealamh mi. Thug mi greis far an do thuit mi is gun chomas agam air gluasad leis a’ chriothnachadh ’s a’ chaisleachadh a fhuair mi, ach mu dheireadh thug mi fa-near gu’n d’fhalbh am fuachd anabarrach a bha ’gam cheangal, is bha na reannagan a’ priobadh os mo chionn mar a bha iad aig toiseach na h-oidhche. An uair a bheachdaich mi air c’àite an robh mi, [TD 46] thuig mi nach b’ionad eile e ach a’ cheart mhachair bho’n do thogadh mi, is mi an sàthadh anns a’ ghainmhich tuaiream air fichead slat bho’n cheart bhad air an robh mi ’nam sheasamh ag ceangal mo bhròige. “Le éigeannas dh’éirich mi ’nam sheasamh is dh’ealaidh mi air mo shocair féin gu tigh na caithris. An uair a chaidh mi a steach bha mo chompanach ’na shuidhe an sud còmhla ris a’ chorr, is thug e sùil orm le ioghnadh. Sheall mi féin air na bha a stigh, is sheall mi an sin air a’ chlog a bha an crochadh ris a’ bhalla: bha e direach deich mionaidean an déidh tri uairean ’sa mhaduinn, is bha leis a sin suas ri sè uairean an uaireadair bho’n a thàinig an ùpraid a bha an sud mu m’cheann. “‘C’àite air an t-saoghal an robh thu?’ arsa mo chompanach, is e ’gam shior-fheitheamh, oir tha mi cinnteach gu’n robh e a’ faicinn coltas iargalta air mo ghnuis. Cha d’ thug mi dad de fhreagairt dha aig an àm, ach an uair a fhuair mi cothrom dh’innis mi dhà mar a dh’éirich dhomh. Cha robh mi air mhiann gu’m biodh an ni a thachair dhomh air a chur an cluais gach neach, ach cha b’fhada gus an do ruith an sgeul air na bha a stigh. Bha cuid a bha ’ga creidsinn, is cuid a theann ri magadh orm, ach bho’n a fhuair iad an sgeul co dhiu, thairg mi-féin dhoibh mu dheireadh thall tighinn leam cho luath ’s a thigeadh latha feuch an dearbhadh na lorgan a bha air a’ mhachair ni sam bith de’n iomradh a thug mi dhoibh. Is e sin a rinn cuid aca, agus chunnaic iad ann an sud far an do thuit mi féin a nuas as na neoil, no ciod air bith cia as, do’n bhaca ghainmhich, an dà tholl a rinn mo chasan cho comharraichte ’s a ghabhadh iad a bhi, is gun lorg no ceum ach na lorgan a bha a’ falbh bhuapa ri am faicinn. Fhuair sinn an sin am bil na gainmhich am bad mu dheireadh air an do sheas mo [TD 47] chas an uair a thogadh mi, a cheart cho comharraichte is ged a bhiodh an ni mar a thachair e air fhaicinn ’ga dheanamh fa chomhair air sùil. Cha robh lorg eile mu’n cuairt ach lorgan mo chompanaich a’ leantainn gu réidh a’ cheart rathad a ghabh e a’ deanamh air tigh na caithris. Chuir so ag anns an teagamh a bha aig cuid ’san sgeoil an toiseach, ach bha cuid dhiubh nach robh ro chinnteach as a’ chùis fathast.” Ach cha b’e so idir deireadh na sgeoil a thug mo charaid dhomh, is lean e oirre gu a co-dhùnadh mar so:— “A nis,” arsa esan, “bha an ni a bha ann ag cur mór-iongantas orm, is mi a’ beachd-smuaineachadh air, cha mhór a latha ’s a dh’oidhche. Dà oidhche ’na dhéidh sin bhruadair mi, no theagamh ni a bu docha, oir cha bu bhruadar e uile gu léir, fhuair mi taisbeanadh neonach. Bha mi air mo leabaidh, is bha fios agam gu gasda gur ann an sin a bhà mi, agus thàinig boireannach òg a stigh is sheas i air an ùrlar. Saoilidh mi gu bheil mi ’ga feitheamh fathast, ged a tha iomad bliadhna bho’n oidhche ud: boireannach ni faoin na b’àirde na an cumantas, i air a deagh dheilbh, aghaidh chruinn ruiteach aice is sùilean donna ’na gnùis a bha ag amharc is a’ sior amharc orm féin an clàr an aodainn. Ar leam gu’n do bhruidhinn i; tha mi ionnas cinnteach gu’n robh mi ’nam dhùsgadh, is gu’n cuala mi i le mo dhà chluais, cho cinnteach ’sa chuala mi am facal mu dheireadh a thubhairt thusa. ‘Tha e ag cur iongantais ort’, arsa ise, ‘c’àit an robh thu an oidhche roimhe.’ “Cha robh fios agam ciod an fhreagairt a bheirinn oirre—‘Bha mi a’ smaointinn gur ann an Còmhsamul a bha mi,’ arsa mi féin, direach air son rud-eiginn a ràdh, seach an sealladh a bha ’na sùilean a dhol tromham buileach. ‘Chan ann’; arsa ise, ‘bha thu ann an eilein beag shuas air cladach Dhùthaich Mhic Aoidh, [TD 48] ach théid thusa a nunn far a bheil Ruaraidh Mac Fhionghainn, an saor, is innsidh e dhuit gach ni an dà chuid mu’n cuairt ormsa is air an eilein, oir bha e shuas an Dùthaich Mhic Aoidh a’ togail bhàtaichean, agus is aithne dhà gu math an t-eilean.’ Gun an corr a ràdh dh’fhàg i a mach an tigh. “Bha mi a nis is gun fhios agam ciod an ath ni a bha a’ dol a thachairt; ach an la-r-na-mhàireach, no an latha sin féin mar bu chòir dhomh a ràdh, oir is i a’ mhaduinn a bha ann an uair a fhuair mi an taisbeanadh neonach so, ghabh mi air mo shocair féin a nunn far an robh an saor. Chuala esan mu’n ni neonach a dh’éirich dhomh an oidhche a bha mi a’ dol a dh’ionnsaidh na caithris, is bha e a’ feoraich dhiom mu dheidhinn. Dh’innis mi dhà gach ni mar a thachair dhomh, is an uair a chuir mi crioch air an sgeoil, arsa mise—ach am bruadar a chunnaic mi an raoir, tha e na’s iongantaiche leam air fad. Dh’innis mi an sin dhà mu’n aisling, no ciod air bith a their mi ris an ni a chunna mi, mu’n bhoireannach—cha d’innis mi an toiseach dha a coltas—is mar a dh’iarr i orm tighinn far an robh esan, oir gu’m b’aithne dha an t-eilean air an robh mi. Thug e tacan ’na thosd. ‘Ciod a coltas?’ arsa esan an sin, ‘boireannach leth-char àrd, air a deagh dheanamh, aghaidh làn ruiteach aice, is sùilean donna, dùrachdach, ’na ceann?’ ‘A’ cheart thé,’ arsa mise. ‘Agus a falt donn mu a cluasan,’ arsa esan. ‘Chan eil mi ro chinnteach,’ arsa mi féin, ‘ás a sin, oir ghabh mi de chlisgeadh as an taisbeanadh a fhuair mi is gu’n deach mi car nam bhreislich.’ “‘Is i a’ cheart té a bha ann,’ arsa esan. ‘Sin agad boireannach a chaidh a bhàthadh an Dùthaich Mhic Aoidh ’san àm an robh mise anns an àite sin bho chionn bhliadhnachan a’ togail bhàtaichean; agus sin agad an dà laimh (is e a’ sgaoileadh a mach [TD 49] a ghàirdeanan) a thog i as an lón anns an d’fhuair sinn a corp, is a thog i a suas gu mullach a’ cheart eilein sin air an robh thusa, gus an d’fhuair sinn dòigh air a toirt dhachaidh. B’eòlach anns an eilein sin mi, is cuiseag ruadh, mar a tha thu ag ràdh a’ fàs ’na mhullach.’” Sin agaibh a nis an sgeul mar a dh’innis an duine féin dhòmhsa i. Chan eil mi a’ dol a dh’iarraidh oirbh a creidsinn, oir chan eil dearbhadh agam oirre ach mar a dh’innis an duine e féin dhomh i. Chan eil soillearachadh agam air ciod a b’aobhar do’n ni so, agus cha mhò a bha sin aig an duine e féin. A réir coltais, cha do leig am boireannach ris gu’n robh ni ag cur dragha oirre a bha i air mhiann a cheartachadh, mar a gheibhear am bitheantas an naidheachdan de’n t-seorsa so. Tha ni eile anns an sgeoil so, ged nach d’thug an seann duine a dh’innis dhòmhsa fa-near e. Tha dà bheachd a tha daonnan eadar-dhealaichte bho chéile an creideas an nithean os-nàdurra a’ tighinn a stigh cuideachd innte: tha mi ag ciallachadh creideas anns na sidhichean ’s iad a bhi a’ togail dhaoine, agus an ath-thilleadh nam marbh do shaoghal daonda. Chan aithne dhomh sgeul eile anns a bheil an dà bheachd so air an ceangal r’a chéile an dòigh cho eagnaidh. Co-dhiu, sin mar a fhuair mise i; ma’s breug bhuam i, is breug chugam i, agus fàgam a nis agaibh-se i gu a cnuasachadh mar is fearr a dh’fhaodas sibh. EACHANN MACDHUGHAILL. [TD 50] An Guth RINN mi na rannan so air dhomh tilleadh dhachaidh o chogadh mór na h-Eòrpa, agus mi aon latha dol seachad air Tigh-Sgoil na h-Airde-Bige, far an d’fhuair mi aona bheagan sgoil a th’agam. Cha b’urrainn dhomh gun bhi tùrsach, muladach, ’nuair a thug mi fa-near gu robh gach companach laghach, suairce, a bh’agam an làithean m’òige, a nis air an sgapadh air muir ’s air tir, agus cuid eile dhuibh ’nan cadal séimh’ maille ris na seann daoine còire ann an Cill Neachdan, fada shìos ri taobh na tràgha. Air cruachan faoin ri taobh an rathaid Tha lùbadh suas troimh’n ghleann. Cuartaichte le craobhan àrd, Tha’n tigh is mùirneach leam. Co’-cheangailt’ ris tha àbhachd m’òig’; ’S gun aithn’ air bròn ’s an àm, Is maighstear-sgoil—seann duine còir,— ’Cur eòlas glic ’am cheann. Bhrùchd troimh m’aigne iomadh smaoin. Bho mo shùilean fliuch le deòir. A’ gluasad air na cluaintibh caoin, Le’n trusgain chùbhraidh fheòir. ’S mi faicinn air a’ chnoc ud thall, [TD 51] An fhàrdrach—fàth mo sgeòil,— Le cuimhneachan dhòmhsa anns gach ball, Air àbhachd làithean m’ òig’. ’S ann shuidh mi sìos air torran mìn. Bha m’inntinn ’triall mar cheò. ’S mi faireachdainn gu’n robh mi rìs, An toiseach grinn mo lò, Mhothaich mi cumhachd trom ’am chrìdh’. Geasan, séun no sgleò. Bha labhairt rium le briathran sìth,— “Feuch! aisling ait na h-òig’”. Thar leam gu faic mi nis a’ chlann, ’S an sgoil air dol ma sgaoil, A’ ruith gu iollagach troimh’n ghleann, ’S gun chùram dhuinn ’s an t-saoghal. Mi ruigeachd m’athair aig a’ chrann, ’S mo mhathair chaomh r’a thaobh, ’S i ’g ràdh,—“an tù mo luaidh a th’ann, A bhalachain bhig mo ghaoil?” Agus chunnaic mis’ an còmhlan cruinn. A’ chuideachd bheag gun ghò, Gu sòlasach air feadh an tuim, ’S a choill a’ trusadh chnò, ’Neo leum gu luath le gean is suim, A thionail uan do’n chrò, ’S ri guanail bheag a’ seinn an fhuinn, ’N àm buachailleachd nam bò. [TD 52] Labhair an guth a rìs ’am chom,— “Cia às matà do bhròn? C’uim’ tha thusa tùrsach, trom, ’S fa d’ chomhair ‘Dealbh-na-h-Oig’?’ ’N e gu bheil do ghuaillean crom, A’ freagairt dhomh an sgeòil? Dh’ fhiosraich thu tuireadh anns gach fonn, ’S gath an luib gach ròs.” Cho-fhreagair mi,—“O’s fìor am beachd! ’S lìonmhor acaid th’ anns an ’Dealbh’. Tha smal na h-aois’ gun truas a’ teachd, ’S trian de’n mhaise ’triall air falbh, Gach nì fo’n ghréin toirt géill do’n reachd. Air crannchur thruagh tha sinn an seilbh, Rinn cumhadh nan laoch ri m’ anam gleachd, Fàth mo leòn! ’s è dh’ fhàg mi searbh.” “Tha cuid diubh fuar ’s na breacain suaint’, A thuit ’nan suain ’s a bhàs, Is glaodh a’ bhuaidh le gaoir ’nan cluas’, Measg oillt is uamhas càs. Cuid eile dhiubh an grunnd a’ chuain, Fo chuibhreach chruaidh an sàs, Bu mhùirneach màthraichean aon uair, G’an coimhead suas a’ fàs.” “Tha càch ’sa chill ud shìos ag cnàmh, ’S eòl dhomh fhéin gach uaigh. [TD 53] Far an caoin na dàimh ’s nach saltair nàmh, ’S nach freumhaich béud no truaigh, A’ mhuinntir ghràidh ’s an robh am bàigh, ’Nan cadal séimh ’s cha ghluais, Is onfhadh tràigh gun dàil ag ràdh,— ’O c’àit a’ bhàis do dhuais?” Fhreagair an guth gu ciùin is séimh,— “’Na fàg do sgeul ’san uaigh. Is meadhon i a dhol gu Neamh, Tré fhreasdail Dhé nam buaidh, Faic is cluinn; tuig is leugh, Gach comharra séund’ ma’n cuairt, ’S gach aon diubh ’g ìnnseadh dhuit gu géur, Nach sguir do réis ’san uaigh.” “Tha ghrian tha tumadh sìos do’n chuan, ’S ag òradh fraoch nam beann, Toirt fianuis fhìor nach mair thu buan, Thig crìoch do chuairt aig àm, Mar sgàil nan neul a’ réis ’san uair, Air brat na speur gu teann, Tha ginealach ma seach gu luath, A’ ruith a’ chéil ’nan deann.” “Thig caochladh gnùis air fonn ’s air sruth, Gach nì is neach a réir an gnè, Cha robh sìon an dé mar tha e ’n diugh, ’S e prìomh reachd Nàduir è. [TD 54] Am pong nan coill gu’n cluinn thu guth, Le rabhadh dhuit do ghnàth,— ’Ged’s àluinn am baile so ’na chruth, ’Cha bhaile mhaireas è’.” “Bìth-sa, matà, le d’ lòchran laist’, ’S biodh dòchas àrd a’ d’ chliabh, Tha doilgheasan mar ’mhìribh brist,” Gad’ aiseag thun an Triath, Falc thu fhéin le fuil an Uain, A thaomadh air an t-sliabh, Creid! Chan eil na mairbh ach ’nan suain, Dhiol Crìosd le ghaol gach fiach!” Chuala mi ràn air creachan thall, Ghrad chlisg mi suas le leum, Bha’n laogh an déigh a mhathair a’ chall, Cho-fhreagair iad le’n geum, Theich an’ Aisling’ ’s cha b’ ann mall, Air air a’ bhrìgh rinn mise greum, Carson a’ bhithinn-sa tuille dall? ’S ioc-shlaint’ ann chum m’ fheum. DONNACHADH MACIAIN, ILE. [TD 55] Tir-nan-Og AM measg iomadh iomradh eile gu a’ cheart seadh agus brìgh gheibhear ann an Introduction Generale a la Philosophie aig M. Jacques Maritain am beachd àraidh so leanas. “Chan e ‘gliocas’ ’na aonar a th’ anns an teallsanachd (ars esan): nì mò is e is crìoch dith sin seòl no dòigh a sholar duinn air a bhi a’ fàgail ar giulain agus ar caithe-beatha ionraic beusach ann an sùilean ar coimhearsnaich; ach is e a th’innte gliocas a tha a fhrèamh-san suidhichte ann an cruth-dhearbhas mu gach aobhar agus cuspair fòghluim a théid fa-near duinn anns an rian nàdurra.” “Tha thu ag ràdh rium (deir ‘An Teallsanach’*) gur éigin duit a bhi ri teallsanachadh. Air an aobhar sin is éigin duit sin a dhèanamh. Ach, is ann a tha thu a’ cantuinn rium nach bu chòir duit teallsanachadh idir. Air an aobhar sin, a chum is gu ’m biodh ann dearbhadh cinnteach air so, is éigin duit teallsanachadh. Mar sin, chì tu gur éigin duit teallsanachadh a dheoin no a dh’aindeoin.” Ach ged tha sin mar sin, gidheadh chan ionnan dòigh anns am bi an fheadhainn a bh’ann o chian, agus teallsanaich an la-an-diugh, a’ dol an ceann teallsanachaidh. Gu dé a b’aobhar do’n sgaradh mhór agus bhunailteach a dh’éirich a mach o chionn ùine eadar an t-seann sheòl air a bhi * So an t-ainm a bh’ aig na sean Ghaidheil air Aristotle. [TD 56] a’ teallsanachadh agus an dòigh a thàtar a’ cleachdadh aig an àm? Ni mi mo dhìcheall air so a mhineachadh mar is còir ann am fìor bheagan bhriathran. An tùs matà cha robh aobhar fo’n ghréin aig an teallsanach air a bhi a’ dèanamh ’na inntinn, is mar sin ’na obair, a bheag de sgaradh eadar an teallsanachd i féin agus na caochladh eòlasan eile a bh’ann an uair sin; ach le cinntinn suas agus dol am meud nan caochladh eòlasan sin thàinig mùthadh mór a staigh air a’ chùis, agus riamh bho sin a mach cha robh an teallsanachd uile gu léir mar bha a nàdur-se mu ’n do thachair sud. Ach gu dé bha na fòghlumaich a bh’ann o shean do ghnàth a’ ciallachadh leis an fhocal “teallsanachd”? Chan fhuilear duinn so a dhèanamh soilleir mar is còir mu ’n téid againn air feuchainn ri tuille mineachaidh a chur air a’ chùis. An tùs matà is e Sapientia a theireadh fòghlumaich ann an coitchionn ris a’ghnè eòlais so; agus bho so cha b’e ach ceum goirid do’n aona mhuinutir gu bhi a’ saoilsinn agus a’ creidsinn gur co-ionnan teallsanachd agus gach seòrsa fòghluim eile a bha dol; ach, gu seachd sònruichte, gur e a bu chrioch ’s bu cheann-fàth do’n teallsanach mar theallsanach, beachd-smuaineachadh air beatha an duine a bhos an so, le sùil ri toirt air an duine e bhi leanail gu dlùth ri a chomhairle-san, agus na beusan gu léir a shior-chleachdadh. A nis mhair an dòigh shònraichte so air a bhi a’ sealltuinn air an teallsanachd, agus ga cur an cleachdadh as leth an duine, gus an d’thàinig Descartes a staigh air an t-saoghal, rud a thachair, mar is aithne do ’n a h-uile neach, anns an t-seachdamh-linn-deug. B’e am mùthadh a rinn esan—agus gu dearbh bu mhór am mùthadh e sin—suidheachadh agus cur an céill a’ bheachd gur e a bh’anns an [TD 57] teallsanachd comh-thional no comh-chruinneachadh de gach seòrsa eòlais a bha dol, agus, mar sin, nach robh gnothach aice ri aon chuspair-fòghluim seach a chéile, ach gur e a gnothach-se gach uile ghnè eòlais a bha dol a dhèanamh réidh soilleir do mhic an duine. Ach, cha b’e so barail air am b’ àbhaist do Auguste Comte a bhi sealltuinn le meas agus comh-chòrdadh. Cha mhò a chòird i sin ris an fheadhainn a bha a’ dlùth-leanail ri a éisimpleir-san ann a bhi a’ teallsanachadh. An àite sin, ’s e a rinn an dà chuid dhiubh oidhirp a dhèanamh air an teallsanachd a tharruing is a chur ann am mèinn, agus ann an eisimeil, ri gach seòrsa fòghluim eile bh’ann, a’ cumail a mach nach robh innte ach a mhàin meadhon eagarra air seòrsa de “rianachadh” no comh-ordachadh a thoirt a mach a shuidheachadh a thaobh gach uile ghnè eòlais d’am bheil inntinn an duine buailteach, ach mu ’m bheil e am bitheantas, is mór is eagal leam, car suarach dearmadach. A nis, cha bhi de dhanadas orm féin an so feuchainn ri fhaighinn mach agus a shocrachadh có e a bha ceart na có e bha cèarr anns a’chònspaid sheirbh agus bhriathrach a dh’éirich a mach an sin eadar na deisciobuil aig Descartes air an aon taobh agus an fheadhain a thug smuain comhla ri Comte air an fhear eile; ach mar cho mór domhainn sa tha an teallsanachd a bhàtar a’ cleachdadh o shean, agus an teallsanachd a thàtar a’ cleachdadh aig an àm, a’dealachadh bho a chéile a thaobh cuspair, susbaint, spiorad, agus cruth—sin gnothach, tha mi a’ meas, a ni an De Consolatione Philosophae aig Boëthius réidh soilleir gu lèir do gach aon a bheir tarraing air an leabhar a thuirt mi, agus a leughas e ann an coimhearta ris a’ mhór-chuid de na thàtar a’ foillseachadh aig an àm ann an rathad a’ cheart sgoil agus eòlais. [TD 58] Ach, fathast tha gnothach cudthromach eile ann air an còir duinn sealltuinn agus leudachadh car ghreis an so. Is glé fhada a nis—mur e gu dearbh a th’ ann àm cho fad air ais ris na “cianaibh féin”—o’n a sguir na Beachdan aig Platon de bhi ’nan cùis-rannsachaidh agus ’nan culaidh-chònsachaidh aig teallsaniach ann an coitchionn. Chaidh na ceart Bheachdan a throm-dhìteadh le Jacques Maritain—gu bhi a’togail fhianuis-san mar éisimpleir air fianuis chàich—“do brìgh (ars esan), nach eil na Beachdan aig Platon, is mar sin a chuid smuaintean féin mu ’n déidhinn, a’ còrdadh, no an comh-sheasamh idir, ri cruth-dhearbhas.” Agus, mar is aithne do ’n a h-uile neach, is beag saoghail dha féin aig an àm a gheibh rud sam bith is cùis fòghluim aig na teallsanaich nach toir air an deireadh thall làn-réiteachadh ri cruth-dhearbhas—coma co-dhiùbh, ri cruth-dhearbhas a réir is mar a mheasar e sin leis na teallsanaich iad féin. Is fìor an nì gu bheil Remy de Gourmont, (fear eile de na teallsanaich aig na Frangaich), car muladach deurach ’na chainnt mu dhéidhinn air dìth-chrùnadh agus ás-shìoladh nam Beachdan roimh-ràidhte aig Platon. Anns an leabhar air a bheil La Culture des Idees mar ainm chì sinn e gan ionndruinn is gan caoidh car mar bhiodh bàrd a’ dèanamh, is e a’ tuireadh làithean a dh’aom, no neach a chaochail a b’fhìor ionmhuinn leis. Ach a dh’ aon àm agus anns an aon àite, faicear e a’dol gu a dhìcheall mar fhàidh, mar so. “An diugh (ars esan) agus an déidh daibh bhi fo amharus is fo dhìth-mheas nach beag aig móran fad ùine mhóir, chì sinn na Beachdan aig Platon a’dol an greim air an t-saoghal fhòghluimte aon uair eile, agus a’ teannadh ris an iùl ’s an àrdachadh a b’àbhaist a bhi aca an sin a mhealtuinn a rìthist.” Ach a thaobh so, agus a thaobh tuille mór eile aig a’ cheart neach gu an aon seadh [TD 59] agus bhrìgh, tha amharus agam gu bheil de Gourmont a’labhairt mar so ceart mar a dhèanadh bàrd, seach mar theallsanach; oir, mar tha Maritain a’ réusonachadh mu ’n aon chuis, chan eil, agus, a réir gach coltais, cha bhi am feasd de chruth-dhearbhas mu na Beachdan aig Platon na dh’fhoghnadh duinn gu fìor chuspair fiosrachaidh—an goirid gu fìor cheud-fàth sgoil—a dhèanamh dhiubh. Tha mi a’ saoilsinn nach ruig mi idir a leas dol an ceann réusonachaidh an so a dh’fheuchainn an dubh ’s an geal mar gu ’m b’eadh ciod e mar a bha na Beachdan aig Platon a’ciallachadh ann an rathad teallsanachd. Air an aobhar sin foghnaidh duinn a ràdh san dol seachad gu ’n robh e a’creidsinn agus a’cumail a mach gu’n robh bith air leth aig gach fear de na Beachdan a bha e a’samhlachadh aige féin, is, os bàrr so uile, gu ’n robh aig an duine féin comas a thaobh-eigin air comh-phàirteachadh a ghabhail ’nam bith-san, e bhi air a cheadachadh gu sin a dhèanamh—oir is ann mar a so a bha Platon a’ làn-chreidsinn agus a’ réusonachadh—do bhrigh gu bheil a nàdur féin agus nàdur nan Ard-Bheachdan co-ionann ri a chéile ann an dòigh is ann an seadh ro-àraidh. “Saorsa,” “Ceartas,” “Fìrinn,” “Maise”; so againn ainmean cuid de na Beachdan air an d’rinn Platon feum mar ás-tharuingean anns an dòigh smuaineachaidh a chuir esan air bonn, agus a bhios aithnichte anns gach ceàrn, is docha, fo ainm-san, cho fad sa mhaireas eòlas an teallsanaich idir. Agus ’s e a dh’ iarraidhinn-sa an so: có e an neach aig a bheil sùilean chum faicinn, agus inntinn chum réusonachaidh, nach bi gu làidir de ’n bharail gur ionann smuain agus beachd saoghal mór nam Beachdan aig Platon agus an t-ìonnsaigh bheachdail ud féin a bh’aig ar sinnsearan d’an ainm Tìr-nan-òg? [TD 60] Chan eil cinnt nach eil Tìr-nan-òg air beachd cho foghainteach eireachdail bòidheach stuthmhor agus a thàinig riamh a mach á com torrach inntinn mhic-an-duine; ach aig an àm is mór is eagal leam gu bheil aomadh laidir oirinn gu léir gu bhi car dearmadach, seadh eadhon caoin-shuarach, m’a dhéidhinn—an goirid a bhi, an tomhas beag no mór, seachdnach air, an àite dol gu ar dìcheall chum na tha de bhrigh ann a sgrudadh ás, agus gach maise agus loinneas spioradail dlùth-fhillte suas leis a chur gu h-iomchuidh an céill. Is i pàirt de phrìomh-eòlas spioradail nan Gàidheal a th’againn ann an Tìr-nan-Og; ach o’n a dh’fhalbh a nis cho iomadh là agus linn o’n a bhàtar a’creidsinn ’na leithid, chan ionghnadh, theagamh, (air achd is gu bheil na tha fada o ’n t-sùil a’ cheart cho fada, mar is bitheanta, o’n chridhe), gu bheil a’ chuid is pailte dhinn air fàs car suarach dearmadach mo-shuimeil m’a dhéidhinn. Mar sin, tha chuid is pailte dhinn a’ sealltuinn, air Tìr-nan-Og mar nach biodh ann ach faoin-sgeul de’n t-seòrsa a théid a dh’innseadh le a mhuimhe de leanabh beag, an roinn air beachdachadh air féin agus a leithidean mar chomhdach eagnaidh agus riochdail air mór-chomas ar sinnsearan air a bhi a’smuaineachadh agus a’reusonachadh mar rinn na teallsanaich a b’fheàrr a bh’ann o shean. Is math a rinn ne sean Ghàidheil an uair a thug iad tughadh air an òige gu bhi a’samhlachadh aca féin, agus a’cur an céill do na cinnidh gu léir, na bha iad a’creidsinn ann an rathad Parrais no Flaitheas a bhiodh co-fhreagarrach ri an uile toil agus miann. Am bitheantas, ’s e àm subhachais, àm nam mór aoibhneas, a th’anns an òige—àm, mu’n dubhairt Dòmhnull MacEacharn nach maireann e, “anns am bi craobh ar beath fo ùr-bhlàth, agus a’gealltuinn toradh trom a thoirt a mach ’na h-aimsir.” Mar sin, [TD 61] ma’s ann a bha e ceadaichte duinn idir a bhi sona, eadhon mar “chaoibh fo bhlàth,” ann an gleann dubh so nan iomadh cràdh agus dèar, is e àm ar n-òige, àm ar neo-chiontais tur, a bheir duinn cothrom air blasad car ùine air a leithid sin de bheannachadh: air fiosrachadh, fad uair no dhà, a leithid sin do shonas aimsireil agus de shocair-inntinn, seach an leanabas, no meadhon-aois, no na laithean deireannach sin anns nach urrainear a bheag idir a dhèanamh ach suidhe sios, cumail ri faire, agus feitheamh, “le grian ar geamhraidh a’cromadh san iar.” Mar sin, chì sinn gu bheil tuille mór ann an Tìr-nan-Og na théid againn, is docha, air a bhi a’tuigsinn air a’cheud aiteal riamh a gheibh sùil ar n-inntinn dhith. Is ann a th’innte ann an ceart da-rìreadh, chan e ùr no faoin-sgeul idir no naidheachd gun bhonn, gun bhàrr, gun bhrigh, mar tha cuid againn a’saoilsinn, agus a’toirt le an cainnt cheacharra air feadhainn eile gu bhi a’làn-chreidsinn, ach taisbeanadh riochdail agus dealbhach air spiorad nan làithean a dh’aom, seadh, taisbeanadh riochdail air an dòigh air a bhi a’dol an ceann teallsanachaidh a b’àbhaist a bhi ann, ach a nis a tha air tuiteam fo dhith-mheas aig mòran. ’S e dorus òrach agus sulchair a tha ann an Tìr-nan-Og, agus fosglar a dheòin e roimh gach neach a shireas le purp agus eòlas siubhal troimhe-san air toir Maise, Firinn, Ceartas, Suaimhneas, agus Sith. “Bàs no buaireadh (deir bàrd fileanta bha, a réir coltais, e féin uair an sin ’s a chunnaic), cha d’fhairich nach riamh a fhuair ga ìonnsaigh; ach gach tràth de a shaoghail a sìor-lionadh a shonais, agus a’mór-laomadh a sholais.” Agus ann am pàirt eile de’n aon earrainn-sgrìobhaidh o’n d’thug mi tarruing a shuas is ann mar so a tha am filidh comasach ceudna a’ toirt luaidh air [TD 62] Tìr-fo-Thuinn, tìr is i sin is co-ionnan ann an seadh ro-àraidh ri Tìr-nan-Og. O’ s’ aoibhinn bhi beò air dheò na maise gach là: O, ’s sona bhi òg an glòir nach teirig a tràth: Is geal a bhi beò ri solas a mhaireas gu bràth An Tir so fo Thuinn, ’s gun chuimhn’ air uireas no cràdh. Gun chuimhne air truas ach cluas ri anail nan ceòl, Gun duibhre, gun ghruaim, ach suaimhneas soilleir fo neòil, Is tuinn bheaga ’chuain gu buan ag iomairt nam pòg An Tir so fo Thuinn ’s fo aoibh a’shonais nach tràigh. Mar sin, chì sinn gu bheil coimeas dlùth agus taitneach eadar Tìr-nan-Og agus lios no gàradh mór briagha iomadathach, tre am faod sinn siubhal mar is toil leinn, is air ar sochair féin, bho aon mhaise eadhon gu maise eile, agus an cuid féin de gheasachd is de dhìomhaireachd na beatha so aig gach cuspair ait agus culaidh-iongantais a tha cho pailt an sin. A’gabhail beachd air na Beachdan aig Platon, tha fear eile de na teallsanaich is mò a tha fo mheas aig an àm ag àicheadh am muigh ’s a mach gu ’n toir uiread agus aon dhiubh so cur an céill agus glacadh no tuigsinn leinn mar fhìor cheud-fàth eòlais. Faodaidh sin a bhi; oir, ann an seadh, is ann de ’n aon suth samhlach agus neo-chorporra air a bheil na bruadair féin air an dèanamh suas a tha na Beachdan aig Platon, cho math ris an t-saoghal annasach ach do-fhaicsinneach a shamhlaich esan aige féin air an son; is mar sin cha phàirt idir de “chruth-dhearbhas’ nan teallsanach an dà chuid. Ach, mu’n dubhairt Lucan còir e fada fada roimhe so, tha orbis alius ann, saoghal nach lugha brìgh agus meas, math dh’fhaoidteadh, na a mhac-samhail féin a bhos an [TD 63] so, agus a tha air a shuidheachadh far nach urrainn do “chruth-dhearbhas” de sheòrsa air bith beirsinn air no beanail ris, is far nach eil de “laghannaibh” ann ach a mhàin an t-aon riaghailt sin a tha daonnan ag iarraidh air spiorad an duine éirigh suas air treun-sgiath a mhac-meanmna a dh’ ìonnsaigh saoghail mhór ion-ghràdh iol-dhealbhach nan dàn agus nan àrd-bheachdan. RUARAIDH ARASCAIN IS MHAIRR. [TD 64] Duan an Domhnaich AN luib phaipeirean agus làmh-sgriobhaidhean Mhaighstir Ailein, Eirisgeidh, (an t-Athair urramach an Dia Ailean Mac Dhòmhnaill nach maireann) fhuaras an dàn so shios. Tha dà dheachdadh de’n dan so air faotainn; an t- aon is giorra agus is luime (ar leam) an làimh Mhaighstir Ailein féin, agus an deachdadh eile so a leanas an làimh nach ionann; air m’ amharus, làmh an Ollaimh Mhic Gillemhìcheil nach motha is maireann. Tha an dàn air fhoillseachadh mar a fhuaras e, gun atharrachadh idir no gun leasachadh litreachaidh seach glébheagan air sgàth ceirt agus còire. A réir còmhdaich an Duain féin tha e aosda mar a tha e, a chionn dearmaid beoileachais, briste agus, is docha, thar a cheart ruighe; ach an déidh sin is gu léir is airidh e air umhail agus aire mar ghuth daimhe ar daoine, loma-lan de chàil an anma. ’S e mo bheachd gur airidh a’ chuid mu dheireadh de’n dàn so air aire shònruichte, oir tha seadh domhain air chul an sgàthlainn dhuatharra a tha a’ còmhdach aigneidh an ughdair. D. M. N. C. Duan Dòmhnaich an Dé ghil, Fìrinn fo cheart Chriosd’ a chòmhnadh. Di-dòmhnaich rugadh an Oigh Muire, Màthair Chriosd’ an òr-fhuilt bhuidhe: [TD 65] Di-dòmhnaich rugadh Criosda Mar onair dhuinne. Di-dòmhnaich an seachdamh latha Dh’ òrduich Dia gu fois a ghabhail, Gu’n sguireadh gach aon d’a shaothair, Gu’m faochadh gach neach d’ a anail Mar shamhla suaimh na beatha maireann. Gu’n féum a thoirt á damh no duine, No á marc mar dh’ òrduich Muire, Gun sniomh mìr lìn no olain ni ’s mò, Gun mhiaradh mìr cìoba no còrc, Gun leasacha làmha, gun chàramh leòis, Gun fhuaigheal leine, gun ghréiseadh greòis, Gun chuspachd, gun chathachd, gun chliarachd, Gun iomairt, gun iomarain, gun iasgach, Gus dol mach moch dha ’n t-sliabh sheilg, Gun tuaighe deilgne Di-domhnaich. Gun chartach bàthach, gun fhroiseach, gun bhualadh, Gun traghach, gun toinneadh, gun tuairneadh, Gun ghearradh, gun spealadh, gun bhuanadh, Gun dol tuathal ’san Dòmhnach. Gun treabhadh, gun treachadh, gun taomadh, Gun tóbhradh, gun mhath’chadh, gun aolach, Gun tìoradh, gun mhìreadh, gun mhaoladh, Gun bhadadh, gun chaobadh ’san Dòmhnach. Gun deargnadh, gun churachd, gun chliathadh, Gun fhasgnadh, gun chàthadh, gun chriathradh, Gun dol faireadh no fiaradh ’san Dòmhnach. [TD 66] Ge b’e chumadh an Dòmhnach, Bu chòmhnard dà-san ’s bu bhuan; Bho dhol fodha gréine Di-sathuirne, Gu éirigh gréine Di-luain. Gheobhadh e duais d’a chionn, Toradh an déigh nan crann, Meas air bharra gach géig, Féich uile shiol Adhaimh. . . . . . Gun éisdeachd ri gleadhraich nan Gall, No ri sgall sgeileireachd choitchinn; Gun chnuasachd minne no misich, Nach buinneadh dha ’n righ anns a’ bhlagh. . . . . . Léigh ’ga thoirt gu galar gargaidh, Gart ’ga ghleidheadh air cnoc arbhair; Bó chur gu tarbh tréun na tàna, Falbh le beothach gu cuithidh, Fada no fagus an céum. Feumaidh gach créutair umhail, Eathar a leigeil fo ’bréid-shiùil bho thir Bho thir a h-iùil gu dùthaich niùil a h-aineoil. . . . . . Ge b’e mheoraicheadh mo dhuan, ’S a ghabhadh e gach oidhch’ a shluagh; Bhiodh rath Mhìcheil air a cheann ’S a chaoidh cha bu teann d’a ifrionn. [TD 67] Gal an Dòmhnaich gu ra-luath, Bean ’ga dheanamh an an-uair: Guileadh i gu moch Di-luain, Ach na guileadh i uair ’san Dòmhnach. Fiodh an Dòmhnaich gu ra-luath Anns an linne, leam is truagh, Ged’ thuiteadh a cheann na ghual Bhiodh e gu Di-luain ’na chadal. Fiodh an Dòmhnaich gu ra-luath, Mar dh’ éirich am fiodh an-luath Anns na coillte cualta meadhoin: Fiodh an Dòmhnaich shios, mo nuar, Ann an inne Mhara Ruaidh, Cha chuir e an ruadh-cheann deth, Bithidh e gu Di-luain ’na chadal. . . . . . Na fagairt mi mu mo dhéidh Sgriob thoirt air sgéula mo chuimireachd. . . . . . Mu thrath nòine Di-luain Eiridh am fiodh gu ro-luath; ’S air an dìle mhoir a muigh Is ann a sin bu choir a losgadh. . . . . . Iasg air abhainn fiorghlan sàla Sàr iasg an inbhir gach abhainn. . . . . . Uisg’ an Dòmhnaich tlath mar mhil, Ge b’e thràghadh e mar dhibh, [TD 68] Gheobhadh e slàinte gun chion, Bho gach cràdhadh a bhiodh air, Uisg’ an Dòmhnaich blath mar bhainne, Ge b’e dh’ òladh e ’s a ghabhadh, Gheobhadh e sòlas gun cheannach Bho gach dòlas bhiodh ’na charamh. Abhainn sléibhe fior-bhlasda A’ sior iadhladh gu Iordan; Is ra-mhath a chùm i ’càin: Di-dòmhnaich ge làn a tuil Cha ruith braon, ge glan a h-uisge, An inne na Mara Ruaidh. [TD 69] Cor na Gaidhealtachd an Diugh CHAN eil neach nach aidich gu’m bheil cor na Gàidhealtachd a’ dol am feabhas, agus sin gu sònruichte o chrìch a’ Chogaidh Mhóir. Co dhà is còir a bhuidheachas so a thoirt? agus ’dé a dh’aobharaich a thoirt mu’n cuairt? So ceistean is fiach a chur agus a fhreagairt, agus feuchaidh mi ri a mhìneachadh am briathran aithghearr mar a thàinig soirbheachadh is sonas a staigh do ar dùthaich. An toiseach, seallamaid air gnè an atharrachaidh bheannaichte a tha air àite ’ghabhail am measg ar pobuill araon air tir-mór agus an lionmhorachd air n-Eileanan. O chionn fhichead bliadhna bha na cèarnachan so a’ fulang gu minig le cion teachd-an-tir. Bha biadh is annlann air uairibh gann orra, agus bha an taighean suarach, a dh’easbhuidh uaisle agus grinnis. An uair a rachadh an t-iasgach cèarr orra, no an uair a dh’fhàilnicheadh am pòrr buntàta, bha an tur acras a’ farclais aig na dorsan, agus bhiodh maithean Ghlaschu agus bhailtean móra eile a’ cur an cinn ri chéile an tràsda ’sa rithisd a dh’fheuchainn an robh an t-àm air tighinn chum déirce thional ás leth nam fineachan Gàidhealach. Dh’fhalbh na làithean dóruinneach sin, agus ’nan àite tha air tighinn sìth agus pailteas, comhfhurtachd agus àgh. Chan eil mi ag ràdh gu’m bheil gach nì mar bu mhath leinn fhathasd no dad coltach ris; ach, an coimeas ri an suidheachadh roimh [TD 70] linn a’ chogaidh, tha na Gaidheil nan daoin-uaisle an àite bhi ’nan truaghain. Tha taighean-bhochd air an druideadh a chionn nach eil na’s faide feum orra, tha airgead-bhochd air bheag miadh air son an aobhair cheudna, agus tha eadhoin “pension Lloyd George” (mar a theirear ris fhathasd) air a dhiultadh gu minig do bhrìgh gu’m bheil na h-uiread de’n phobull a’ faighinn thairis air an anacothrom. C’àite am bheil cèarn eile anns na Trì Rioghachdan ’sam faighear àireamh cho lionmhor làn chomasach air solar air an son féin gun dragh a chur air Cléir no air Stàid? Chan eil sgillinn de phension ’gan ruigheachd ach a mhàin “pension Lloyd George” agus am beagan a th’air a phàigheadh thairis dhaibh-san a chaill cas no làmh anns a’ chogadh. Ma bhios iad am mach á cosnadh, no dìomhanach air son aobhar ’sam bith, feumaidh iad gabhail ris an fhiosrachadh sin, agus chan fhaigh iad bonn-a-sea á sporan nan rioghachdan, ’dé ar bith cho fad ’sa bhios iad ’nan tàmh. Ann a bhi ’feoraich dé a dh’aobharaich an t-atharrachadh so, tha mi a’ buntainn ri cuspairean a tha cudthromach agus iongantach. Chan ann ri aon latha no ri aon bhliadhna a dh’fhalbh ainnis agus a thàinig feabhais crannchuir a steach na h-àite. Mu’n d’thàinig am bàs air Mgr. Gladstone bha a’ Ghàidhealtachd a’ faireachdainn beagan de bhlàths agus de mheachainn ’ga ruigheachd o cheann-bhaile Shasuinn, far am bheil cùisean na h-Alba air an rannsachadh agus air an cur am beairt. Ged a chuir esan luingis-chogaidh gu tuath a chum cur ás de’n mhonmhur a bha’m measg an t-sluaigh a thaobh mì-ghiollachd nan uachdaran, gidheadh chuir e, mar an ceudna, Achd air ghleus a bha subhailceach agus tuigseach, agus a chuir Sliochd nan Garbh-chrioch is nan Eileanan air “goirtean a’ chothroim,” cho fad ’sa bha féin-riaghladh agus neo-ar-thaingealachd air an gabhail a steach. [TD 71] O’n latha chaidh an t-Achd ud a chur an tùs an cleachdadh thàinig an tuath agus na h-uachdarain gu bhi mar aon duine—ciallach, gràdhach, mùirneach mu chàch a chéile. M’a thig an t-eug air aon de na flaithean tha na clachain uile fo bhròn, chan ann, mar bu nòs, air ghaol sodail ach air ghaol meas, urraim, agus deagh choimhearsnachd. Tha na h-uaislean, air an làimh eile, freasdalach do’n t-sluagh agus a’ dol leotha gu minig an uair a bhios ceistean duilich ri shocrachadh, no cothroman sònruichte ri thoirt am mach a chum leas na dùthcha no na sgìreachd. Chaidh gach aobhar buaireis a thoirt ás an rathad, agus tha càirdeas far an robh gamhlas. Mar so thàinig e mu’n cuairt gu’n do theannadh ri dà ghualainn a chur ri roth an fhortain an àite a h-aon; agus, an àite na tuath a bhi ag oibreachadh an aghaidh nan tighearnan agus na tighearnan an aghaidh na tuatha, thàinig iad gu h-urramach an coinneamh a chéile, agus, mar a thuirt mi, tha sith agus réite ’nam measg. Tha a’ chuibheall, a nis, dol an aon rathad, agus chan eil car deas is car ceàrr aice aig uair ’sam bith. Dé tha na h-uachdair a’ dèanamh chum cuideachadh leis an t-sluagh? Is mór sin agus cha bheag e—a’ cheart uiread ’sa tha’n sluagh a’ dèanamh ris na h-uachdarain ach ann a bhi a’ pàigheadh màil. Tha iad a’ dol leotha anns gach uile h-oidhirp a tha iad a’ toirt gu an cor a chur air bhonn na’s seasmhaiche agus na’s tlachdmhoire a thaobh theachd-an-tir agus taigheadas. Tha iad leotha a thaobh rathaidean-móra a dhèanamh na’s réidhe agus na’s lionmhoire, agus bàtaichean-smùide agus carbadan-ola a dhèanamh ’nan goireasan a tha tighinn faisg do na h-uile. Tha iad leotha, mar an ceudna, an uair a tha iad a’ strìth gu an cainnt a chumail gun mhilleadh; agus tha Diuc Earra-ghàidheal, Diuc Athull, agus eadhoin an Diuc Catach agus Moraire Mhic Shimidh ’nam [TD 72] postachan soillear agus inich an teampull na Gàidhlig. Tha na flaithean uile furanach anns a’ ghothach so; agus cha ruig mi an ceartair leas ainmeachadh, a thuillidh air na thuirt mi, ach an t-Onorach Ruaraidh Arascainn is Mhàirr, a phàigh ’sa dhìol barrachd ás leth na Gàidhlig na neach a tha’n diugh air mhaireann no bha riamh air mhaireann. Fàgaidh mi an taobh so de’n chùis, agus bheir mi tàrruing air blàths is ceanal nan Gàidheal gasda aig an taigh agus thairis a tha cuideachadh gun laiseachadh le an càirdean anns na seann dachaidhean. Tha na feartan ionmholta so a’ fàs an cleachdadh is an neart; agus, an àite nan linntean òga a bhi na’s neo-mhothachala a thaobh coibhneis is deagh dhùrachd, is ann a tha iad a’ dol na’s deothasaiche is na’s togarraiche an coinneamh nan dleasdanasan a tha feitheamh orra mar chloinn agus mar luchd-daimh. Is e an spiorad gasda so a chuidich na h-uiread de’n atharrachadh shealbhach air am bheil sinn, a nis, a’ dèanamh luaidh, agus, gu sònruichte, a ghluais àireamh cho mór de chroitearan gu taighean ùra thogail an àite nam fàrdaichean suarach anns an robh iad roimhe so a’ cur a suas. Chan eil mi dol a dh’fharraid có dhiubh a tha e ceart no cèarr do phàrantan an cuid cloinne a chreachadh a chum iad féin a chur an seilbh air sochairean agus air comhfhurtachd do’n robh iad thuige so ’nan coigrich, ach their mi gu’m b’e so àbhuist nan Gàidheal o chianaibh, agus nach do bhac sin riamh iad o éiridh an inbhe, agus, gu minig, am beartas am measg an coimpirean air feadh na h-Alba. Anns a’ char so, tha e coltach nach dèan fialuidheachd coire cho fad is nach ruith i gu struidheas. Bheir mi oidhirp air a dhèanamh soillear mar a tha na Gàidheil a’ beartachadh an carbadan a chum dealbh na h-onoir a chur air an gnothaichean uile, agus iad féin a chumail neo-lochdach am [TD 73] fianuis an t-saoghail. Thoireamaid fa-near mar a tha ar n-òigridh ’gan uidheamachadh féin air son saothair na beatha le bhi a’ frithealladh air sgoiltean freagarradh agus le bhi a’ dol a dh’ionnsachadh cheirdean is ealdhainean a bhios a’ tighinn ri’n càil. Ma’s fior gach iomradh, chan eil sluagh air thalamh a tha a’ cur, a réir an àireamh, uiread de an nigheanan agus de an gillean troimh chùrsa Oil-thaighean ri Clanna nan Gàidheal, agus chan eil sluagh ’sam bith eile a tha na’s oidhirpiche no na’s dìcheallaiche na iadsan ann an togail an teaghlaichean gu grinn, speisealta, gun dragh a chur air muinntir eile. Co bh’uaithe a thug iad an spiorad treubhach, gasda so? agus co ionnsuidh a tha e ’gan treorachadh? Thug iad e o Chalum Cille, o Oisean, agus o na prìomh fhir thaghta a thàinig air an cinneadh is air an ainm a nuas tré na linntean Ceilteach agus eadhoin gus an latha diugh. Cha robh an sùil riamh ri duais a’ bhrathadair; agus, ma thàinig inisg orra aig àm ’sam bith, cha b’ann an lorg cion tréibhdhiris no cion tapachd ach cion smachdalachd an déigh deagh buaidh a chosnadh. Nochd iad am breamas so an déigh Blàr Allt a’ Bhàn-chnoic, Blàr Chuil-fhodair (oir bu leo glòir a’ chatha sin ged a sgapadh iad gu dona) agus, eadhoin, an déigh an ra-treut a chuir iad air Gladstone, ionnas gu’n d’thug e dhaibh Achd an Fhearainn (1886). Bha iad bòsdail ás na h-euchdan so, ach an déigh a h-uile nì a thachair aig na h-àmanna sin, leig iad le coimheich a bhi ’gan treorachadh, gus an d’fhuair iad am mach air an cosd nach robh a bhi a’ cur muinghinn an dream eile ach amaideachd. An diugh tha iad a’ faighinn thairis air an anacothrom do bhrìgh gu’m bheil iad ag earbsa gu buileach ás an gleusdachd, an crìontachd agus an tuigse féin. Dh’fhalbh an latha ’san dèanadh [TD 74] spionnadh, corpora, gu léir, an gnothach. Feumar, a nis, géire inntinn, mar an ceudna, agus deagh ionnsachadh, agus tha iad sin aca, o thuath gu tighearna, an tomhas a tha fiachail agus pailt. Dh’fhalbh an taighean-bhochd an àite no dhà, dh’fhalbh an airgead bhochd an tomhas comharraichte agus sheachainn iad gu ruig so an t-airgead mosach ud ris an abair ar coimhearsnaich an dole. Tha an dachaidhean air an togail gu grinn, snasail le cloich is aol, tha an spréidh agus am feudail a’ dol am feabhas air tàilleamh deagh ghiollachd, agus tha an achaidhean na’s maisiche agus na’s toraiche na bha iad riamh roimhe a chionn gu’m bheilear ’gan leasachadh air mhodh na’s coimhlionta agus na’s toirteala na chleachd an sìnnsre e dhèanamh. Tha an sporain na’s làine na b’àbhuist dhaibh a bhi, agus a thaobh bìdh is aodaich, chan eil an cion orra idir. Tha iad, mar an ceudna, air éiridh am meas agus an mùirn am measg an coimpirean air feadh na dùthcha; agus, an àite bhi air amharc orra mar phobull leth-oireach, tha iad, a nis, air ar càramh gu minig am broilleach na cuideachd. Tha gaoth an t-sonais ’gan leantainn a h-uile taobh ’gan gabh iad. Tha, eadhoin, na sgoilean a’ toirt àite inich do an cànain, nì nach faigheadh i idir mur biodh iad air éiridh gu riochdail ás na h-uisgeachan. Tha mìle rathad eile ’sam bheil a’ bhuaidh a tha iad a’ faighinn air a dèanamh aithnichte, ach chan fheith mi ri an ainmeachadh uile aig an àm. Is e mo dhùrachd ’s mo thogradh gu’m bi Ghàidhealtachd fhathasd mar a bhi—air a h-àiteachadh le sluagh bàigheil, ceanalta, aig nach bi nì ’san amharc ach an lòn a sholar gu smearail, math an dùthcha chur air aghaidh, agus urram a thoirt dhaibh-san do’m bheil urram dligheach. Taing do Dhia, tha sinn fhathasd air ar gluasad le aignidhean seirceil a thaobh na muinntir a chuireadh thairis oirnn an nithean [TD 75] naomha; agus, ged nach eil sinn idir de’n aon aidmheil no de’n aon Eaglais, tha sinn na’s caomhala ri càch a chéile na bha sinn aig aon uair. An aon fhacal, tha Tir nam Fineachan air éiridh air a h-uilinn, agus is duilich sluagh fhaighinn is comhfhurtala agus is toilichte na mhuinntir a tha i ’g àrach. Is ceàrr an nì i gu’m biodh nàire oirnn aisde—no gu’n toireamaid air dream eile bhi smaointeachadh gu’m bheil i faoin nar sùilean. Tha aon dòigh, co dhiubh, ’sam bheil i tighinn gear air an inbhe àird bu chòir dhith bhi sealbhachadh am measg dhùthchanna ainmeil an t-saoghail. Maille ri Albainn uile, tha i air a druideadh am mach o chomunn nan cumhachdan neo-air-thaingeil, agus chan fhaod i a guth a thogail a thaobh sìth no cogaidh no nì ’sam bith eile a tha chum luaths no moille an adhartas an t-sluaigh. Tha i air lomhainn aig an t-Sasunnach, agus chan eil dha ach am facal a ràdh agus imiridh a h-òigridh tarruing, theagamh gu ceann eile an domhain, a dhèanamh cogadh ri cinnich nach d’rinn riamh a bheag do choire dhaibh. Bha so air a leigeadh ris gu soillear an 1914, an uair a chaidh tagh-ghairm na dunach—“Kitchener wants you”—a chur le luaths an dealain is cruadhs na trompaid dheireannaich o bhaile gu baile is o thealaich gu tealaich, mu’n cuairt de na rubhachan agus a suas mu na mullaichean. Cha chuala iad nì cearr an aghaidh nan Gearmailteach; ach an lorg na daimh iongantaich a bh’eadar iad féin agus na Sasunnaich, cha robh dòigh air fuireach, oir cha robh iad ’nam maighstirean eadhoin air am beatha féin. Nam fanadh iad aig an taigh dh’ fhaodta an iomain air falbh air bhàrr béigneid, agus, ged nach deachaidh sin a ghiulan am mach ach ainneamh, bha cumhachd aig Sasunn gu a dhèanamh nan togradh i. A bharrachd air sin, bha e ’na comas an cìosnachadh le peanas mur biodh iad umhail agus [TD 76] deas gu teannadh air falbh cho luath fhuair iad rabhadh. Bha fios aig na gillean air so, agus cha d’rinn ach gann gin dhiubh fuireach. Feumar ionnsaigh ghramail a thoirt gu h-ealamh air breisleach an t-Sasunnaich a thilgeadh dhinn. Cha do bhuadhaich e riamh tharuinn air blàr no faiche, ach mheall e sin gu dona le cleasan agus seoltachd ionnas gu’n do bhuin e uainn ar saorsa agus ar cunbhalachd mar chinneach. An uair a gheibh sinn ar saorsa o chuing ar coimhearsnaich bidh sinn saor da-rìreadh. Feumar na Gàidheil a tharruing a staigh do’n ghluasad a tha chum fluasgladh a thoirt do Albainn. Chliuithich iad gu math an iomadh còmhraig a chuir iad ás leth an t-Sasunnaich. C’arson nach cathaich iad le sùrd agus aintheas ás leth an luchd-dùthcha féin? Is iadsan a dhèanadh sin nan d’fhuair iad an cothrom, ach gu ruig so cha deachaidh a shireadh orra. Cha robh iad riamh air dheireadh an uair a bhiodh gniomh foghainteach ri dhèanamh. Bheir mi m’fhacal nach do chaill iad glòir an latha riamh ri uchd feachda,—ach a mhàin aig blàr dòbhaidh Chùil-fhodair; agus, m’a chaill iad i an sin, cha b’ann le cion misnich ach le gniomh ciorramach agus maslach ’nam measg féin. Nan robh iadsan an comhair an gean—mar a bhiodh iad, gun teagamh, mur bith coirean dhaoine eile—bhiodh na Sasunnaich an cùil chumhaing, agus cha bhiodh na fineachan air an sgapadh is air an lannadh ás, mar a bha iad. Thig mi gu comhdhùnadh. M’a tha na Gàidheil air “goirtean-a’-chothroim” an diugh is cóir dhaibh a bhuidheachas sin a thoirt air Iain Mac Mhuirich, Sir Dòmhnull Mac Phàrlain, Alasdair Mac Choinnich, Eanruig Mac Ghille-bhàin agus iomadh sàr-fhear eile a chathaich gu neo-sgàthach ás an leth o cheann dha fhichead no leth-cheud bliadhna. Roimh sud bha am pobull an suidheachadh dóruinneach, daonnan air chloich an turamain, an eisimeil nan [TD 77] uachdaran aig a’ h-uile bealach, agus gun fhios ’dé an latha a gheibheadh iad a’ bhàirlinn. Dh’fhalbh na tìmean sgaireabach ud, agus tha feath nan eun a nis far an robh stoirmean, buaireas is ciorram o cheann ùine nach eil ro fhad air ais. Fàilt air latha nan Gàidheal—latha an àigh agus a bheannachaidh! Ma tha Dia leinn, co dh’ fhaodas a bhi n-ar n-aghaidh,—agus tha E air a bhi leinn gu comharraichte o àm a’ chogaidh m’a dheireadh agus beagan bhliadhnachan roimhe sin. Bidh E leinn ’san aimsir a tha ri tighinn mar chumas sinn air a bhi dèanamh ceart mar a rinn sinn ri linn na h-iorghuill sin—ar làmh a chur ris a’ chuibhill mar théid a shireadh oirnn, ach gun sgillinn ruadh a ghabhail an rathad buannachd shalaich. Am feadh a bha muinntir eile ri airgead ’na mheallan, bha Clanna nan Gàidheal mar dhream a thug an raimh agus na bacan; ach, an diugh, tha luchd nan slabhraidhean òir is nan carbadan móra, rìomhach gun tasdan nam pòca air am faod iad còir a ghabhail am feadh a tha dìobraich nan Eileanan agus nam monaidhean tuathach air faighinn an uachdar air an uireasbhuidhean ach beag gu buileach. Latha an àigh, latha na slàinte, latha an t-subhachais! Co ach Dia na Glòire is urrainn sòlas a thoirt á mulad, buaidh agus iollach á irisleachd, is rudha-gruaidhe, ceol agus luaidh-ghaire á cruadal agus ainniseachd? Is Esan a rinn agus a tha fhathasd a’ dèanamh nithean iongantach ás leth na Gàidhealtachd! AONGHAS MAC EANRUIG. [TD 78] An Gleann Mor Muileach CHAN fhacas leam na’s annsa, Air maduinn shàmhraidh chiuin ’S na h-èoin air géig ’s gach crann-lios Gu greannar le’n cruit chiuil, Na’n gleann ’tha ruith mar chàbhsair, Troimh Mhuile thranns’ is shliabh: Bho chaol nan luingeas riomhach Gu Ceann-Loch-Sgriodain siar. B’e sud an sealladh cùbhraidh, Is sunnt air feadh nan sian, Minn-cheò geal a’ tùirling Mu’d stùcan mùgach ciar, Gu seimh a’, tighinn nan lùban Mu’n chuil ’s an laigh am fiadh, ’S am faigh an eilid dhiuide Cead ionaltradh gun fhiamh. Ged’s creagach, clachach, t-aonach Tha brìgh is sùgh a’d fhonn, Bho iochdar gu barr crùlaist, Tha cleòca dlùth mu’d chóm De ghrunnasg, chìb is mhìlltich, ’S de’n chanach mhinn-gheal chróm, [TD 79] Is iomadh lus ’nam mìltean, Nach gabhar ìnnseadh leam. Cur ciatach an cliath-sgriodain ’Tha ruith a sios gu gleann, Is miolaran aig an fhior-uisg’ Am measg nam mìn-chlach donn: Thig eilid, damh, is mìnnean, Gu faiteach giugach cróm, Is caisgidh iad an iota Am bainne cioch nam beann. Chan ioghnadh bian mar shioda, ’Bhi cinntinn air an spréidh A dh’olas deoch a’d fhion-uillt, ’S ’ni teachd-an-tìr do’d fheur: Chan ioghnadh an damh lionntaidh ’Bhi siubhal fhrìth le ghréigh, A’ rùdhrach leaba dhìdeann, ’S a chnàmh an cìr leo’ fhéin. Is culaidh-aiseag slàinnte Do’n anais bhàn gun tuar, ’Bhi ’g imeachd air feadh an t-àruinn, Measg fàileadh lus do chluan: Gach toman dhiubh fo bhàrr-guc, ’S an lìth cho àillidh snuadh, ’S ged chleachte feart a’ ghàirneileir, ’G an tàladh as gach bruaich. [TD 80] Thig anail ùr do chrùlaist, Gu cùbhraidh thar do shléibh: Is glan’ fhuair i’ grùdadh, ’S a’ bhriuthas cùl nam beurr: ’S cha bhi freumh no maoth-lus, Air ’n d’rinn an dùdlachd beud Nach borc a mach gu h-ùrail, A’ chur an ùidh ’s a’ ghréin. ’S ball-seirc air aghaidh dùthcha, Gach crùlaist ’tha ’g ad dhion, Sliom, leòmach, binneach, ùr-ghlan, Mar òighean lùchairt righ, Thig badan de cheò sgùm-gheal, Mar shròl r’an cùl a sios, Is chithear anns an lùth-chleas Dreach ùrla og-bhean ghrinn. Beinn Reapadail ’s Beinn Bhàrnach ’S gach màm ’tha deas is tuath, Gu h-inich sleaghach, àllail, ’S am bàrr a ghnàth ’s an fhuachd: ’S ged bhios gach srath mar àmhuinn, Is luisridh stràcadh chluan Bidh ailbheag gheal mar bhrà ’linn Mu bhràghad nam beann fuar. ’S e’n ceòl a’s binne chualas Bùraich bhuar an cùidh, [TD 81] Glagail bhog a’ chlùarain ’Ga luasgadh anns a’ ghaoith, Crònan t-easan srùlach Le muing-gheal tighinn bhar stùc, Is cneadail bheag na maoislich ’S an damh ’g a h-ùtladh dlùth. Bidh siubhal aig àm gnàthaichte An àl air muir ’s air tìr, A reir na gné ’s na fàgail A chuir Nàdur anns gach nì. Thig bradan mear o’n t-sàile ’N eideadh airgid grinn A’chladh ’nns gach sruthan sèimh-ruith Am faigh e gainbheach mhìnn. B’e sud an iomairt shùnntach A chuireadh sùrd is càil Am fearaibh sgairteil lùthach, A’ siubhal bhùrn le àbh: Gach eas ’s gach glumag phlùmbach A’ ruith mar lùimlinn bhàin, Gu plubach, gaoilteach, sgùm-gheal. ’S iasg mear ri lùth-leum àrd. Gu minic ri am faoiltich, Is caochladh feadh nan sian, Laighidh eòin nan sgaothan Air do raointean a chum dion [TD 82] O’n ghaillinn reòdhtaich, ghaoth-fhuair, A shaodaich iad o’n tuath, Is gheibh iad fasgadh ’s faoilidh, Am fraon ’s air lochan fuar. B’e sud an sealladh ciatach, Nach iarradh neach na b’fhearr, ’Bhi ’faicinn nan èun fiadhaich, Cho rianail ’n àird nan speur: Tha teagasg ann ’s chàn fhaoin e Do’n chinneadh-daonn gu léir, An rian ’s an dleas ’s an fhàgail A chuir nàduir anns gach cré. Thig geoidh ghlas ’nan ceudan Gu h-òrdail, rianail, réidh, Gach ealltuinn dhiubh mar thriantan, A’ freagradh rian nan speur, ’S a réir na fógail dhiomhair, Tha cur gach gniomh an gleus, Le cìnnt cliath-ràmh air bìrrlinn, Bidh cinnt am buille-sgeith. Tha tachdar séilg gun àireamh, Feadh t-àileinean ’s do chluan: Bho’n damh chabrach làirceach, Gu ’n mhaghaich thàrr-ghil luath, An coileach-dubh ’san tàrmach Is àl a’ choilich-ruaidh, [TD 83] Is easag na cluimh sgiamhaich, Cho grinn ’s cho srianach cóm. ’N uair thigeadh àm na fiadhachd Bu chiatach an comh-long A bhiodh a’ fianlach t-àruinn ’S a’ falbh gu fàilidh cróm: ’S n uair chluinnte’ fuaim nan làmhach, Nior faìlinn bhiodh an glonn ‘S bhiodh gainead mar a b’àbhaist An àireamh nan damh donn. ’N uair dh’fhosgladh beul an anmoich Air garbhlaich is air stùc: An rean fheasgair, miogach, dealrach, ’S am failbhe glan gun smùirn, Thearnadh gearrain cheann-chromach, Le ceum neo-chearbach dlùth, Le’n saic de ghniomh nan sealgairean ’S fir mheanmneach air an cùl. Gach oidhche ’n déidh na fiadhachd Bhiodh cuideachd fhialaidh chòir Ri fleadhachas ’s an fhian-bhuth ’S bu phailt ann biadh is còrn: Bhiodh maithean òg ’s ban-tighearnan Gu rianail mar bu nòs A’ gearradh phong nan lùth-chas Le sùrd air ùrlar bhòrd. [TD 84] Tha eachdraidh beoil is sgriobhte ’Toirt cìnnt dhuinn an ùr-chàinnt, Gu robh t-abhainn ’na h-allt-crìche A’ sgaradh rioghachd aig àm, ’S gu’m biodh feachdan rìghrean ’Nan cathan mhìltean sonn, Ri slatraich air do fhrìthean Le’n claidh ’ean liobhte lóm. Nis sguiridh mi do sgriobhadh, ’S do chur a sios mu’d mhaoil, ’S mu iomadh fionn-sgeul dhiomhair, ’Tha sgrinnte a’d dha thaobh Mu euchdan laoch is rìghrean A fhuair dìdeann ann ad fhraoin, Bho’n Chreig gu ruig an Innsribh ’S gu criochan an t-Srath-chaoil. IAIN MAC CORMAIC. [TD 85] Muinntir A’ Bhaile Againn Fhein THA mise a’ fuireach aig an àm ann am baile beag ris an can iad Breacleit an eilean Bhearnaraidh a laigheas gu sàmhach am Bàgh Loch-a-Ròg, mar a thuirt an deagh bhàrd còir nach maireann, Aonghas Chaluim an Tailleir. Tha sinn a chòmhnuidh ann an eilean a tha air a dhion le tonnan uaibhreach a’ Chuain-an-Iar air gach taobh, agus nach bu mhath do ’n t-saoghal gur h-ann an àite mar sin a thuit ar lion, a chionn gu’n do chuir sinn a mach air feadh an t-saoghail iomadh seòladair treun a rinn dion agus furtachd air ar rioghachd araon an àm cogaidh agus sìthe. Bidh cuid againn air uairibh ag urnuigh riutha fhéin nach biodh fairge ann na ’s motha, mar a chunnaic Eoin an Diadhair ’s an fhoillseachadh neamhaidh an eilean Phatmois, ach air mo shon fhéin dheth, tha mi làn chreidsinn nach ann idir air thuaimse a thug Dia ar crannchur dhuinn an eilean mar so, eadhon ged bhiodh iomadh mi-ghoireas againn ri ghiulain, gus an téid eithir Chaluim Sheorais a null air a’ chaolas gu Breascleit. Bho’n is e “mi-fhéin” a tha ’n comhnuidh air thoiseach anns a’ Ghàidhlig, tòisichidh mi againn fhéin ann a bhi deanamh iomraidh air muinntir a’ bhaile againn. Tha mi-fhéin agus Sine, bean-an-tighe, ma tha, a’ fuireach anns a’ bhothan dhubh anns a bheil mi sgriobhadh so. Tha sinn le chéile seachad air aois a’ phension, agus mar a chanas Sine gu tric, nach e Dia mór fhéin [TD 86] a tha trocaireach do na mìltean de sheann daoine an diugh an uair a tha e cur fichead tasdan ’n am bois gach maduinn Di-haoine mar a thig, agus gun saothair air an talamh againn mu’n chùis ach a dhol suas ’ga iarraidh gu Oifis an Tailleir. Chan e gu bheil mise dol ’ga iarraidh ach dìreach an uair a bheir an dubh-eigin air Sine nach fhaigh i fhéin ann. ’Se Di-haoine latha Sine am Breacleit a cheart cho cinnteach ’s gur h-e Di-haoine latha nam bodach aig àm nan òrduighean. Falbhaidh i tràth ’s a’ mhaduinn, agus gu dearbh cha chum Dòmhnull an Tailleir fada i gun a pension a bhi aice air a bois, ach nach fheum i a dhol air chéilidh air Oighrig, bean Dhòmhnuill, agus tea is goileam a bhi aice an sin, ’s bidh bantrach Thormoid Oig a muigh aig ceann an tighe an uair a bhios i falbh bho Oighrig, ’s cha ghabh bantrach Thormoid diultadh bho dhuine an uair a bhios tea a’ dol, agus sin tea eile agus tuilleadh còmhraidh aig Sine an sin. Tachraidh Bean Bhill rithe aig Tobar Ceann a’ Mhorghain, agus cha dean e ’n gnothuch dhith gun seasamh a stigh ’s an tigh sin, ach ’s ann a shuidheas Sine air a’ bheinge, agus tòisichidh i fhéin agus Bean Bhill a’ bruidheann mu na h-eaglaisean, ’s bheir meud a’ chòmhraidh a bhios Sine deanamh am pathadh oirre, agus ’s ann a ni Bean Bhill tea. Chan fheum Sine dol seachad air Calum Sheorais. Bidh esan a’ faighinn làn cleibh de phaipeirean-naidheachd gach lath leis a’ phosda, ’s tha Sine cho déidheil an còmhnuidh air eachdraidh na Pàrlamaid fhaighinn, agus i a cheart cho beag tuaimse air de’n seòrsa rud a th’ anns a’ Phàrlamaid riumsa agus, a charaid, foghnaidh sin. Eadar na h-uile céilidh a bhios ann, bidh seachd dùirn de’n fheasgar ann mu’m bi Sine dhachaidh aig a teine fhéin leis a’ phension, ach bronag, chan eil mise gun teagamh trom oirre: ’s glé thoigh leam fhéin sgonn céilidh [TD 87] agus toit na dhà as a’ phiob a bhi agam corr uair còmhla ri Calum Sheorais. Chan eil dà sheana chreutair an Leodhas is fheàrr dheth na mi-fhéin agus Sine. Tha Peigi, an nighean againn, pòsda aig aon de cheannardan nan sìth-mhaor an Glaschu agus tha i cho math dheth agus a tha ’n latha cho fada. Gu dearbh ’s e sud a’ mullach a tha gu math dhuinne. Chan eil biadh no deoch no annas air an smaoinich duine nach eil a’ tighinn do’n tigh so am bocsaichean móra troma a tha Calum Sheorais còir ag aiseag gach mios ann an Reult na Mara, agus airson aodaichean is brògan tha i cur thugainn dhiubh sin na chuireadh tughadh air an tigh againn agus air an t-sabhull cuideachd. Sguir i chur deisichean riomhach ’g am ionnsuidh-sa; cha chuir mise stiall air mo dhruim ach an clò Bucach a bhithinn a’ caitheamh an uair a bha mi dol a dh’ionnsuidh an iasgaich. Ach airson Sine dheth, ’s ann a tha fior eagal orm-sa gu’n dean Peigi faoineas mór a chur an ceann a màthar ’na sean aois; nach do chuir i féileadh de thartan Chlann Dòmhnuill thuice, ’s tha mise creidsinn nach do cheannaich tri puinnd Shasunnach e, agus brògan buidhe le sàilean a tha ceithir oirlich air àirde có dhiu, agus socainean de shioda Frangach air dhath a craicinn, agus chaidh Sine do’n eaglais latha Sàbaid nan orduighean anns an trusgan sin. Smaoinich. A bharrachd air sin chuir Peigi greis labhrais agus bocsa-ciùil ’g a h-ionnsuidh, còmhla ri clàir-orain Ruairidh Mhic Leoid, agus gu dearbh abradh sibh-se gur h-iomadh oidhche thoilichte a chuir an dithis againn seachad ag eisdeachd òrain Ruairidh. Chuir i sanas-athair thugainn toiseach an earraich, ’s chan eil feasgar Sàbaid nach cluinn sinn searmonan á Lunnainn a cheart cho cothromach agus ged bhiodh sinn ’nar suidhe fo chrannaig a’ mhinisteir a bhios a’ labhairt. Chan [TD 88] iarrainn fhéin ach a bhi ’g eisdeachd ris na searmonan ud agus seinn cho àluinn ann cuideachd, le òrgan mór làidir, rud nach fhaca ’s nach fhaic sinne. ’S ann air uairibh a bhios Sine toileach a bhi ’g eisdeachd ri searmon á adharc mar sud. “De’n fhios againne,” ars’ ise rium an oidhche roimhe, “nach robh a’ ministear ris a bheil thu ’g eisdeachd agus a fhallus ’g a dhalladh air an làr-dhannsa oidhche Shathurna ged a tha e toirt dhuit searmoin a’ phaipeir a nochd.” “Ma bha, Shine, ma thogair,” arsa mi-fhéin; “tha ’n soisgeul glan aige.” “’S e aon rud a chanas mise có dhiu,” arsa Sine, “ma tha ministear sam bith ri dannsa, ’s ann ’s a’ cheann chearr dheth a chaidh am fòghlum.” Ach sud agaibh Sine. Chan eil aon duine ’s a’ bhaile againne cho acfhuinneach dealasach ri mo nabuidh bun na h-ursann, Calum Sheorais. Ged a shiubhladh sibh na seachd siorrachdan chan fhaigheadh sibh duine cho làmhchar ris. Ni e saoirsneachd ’s ni e clachaireachd, ’s ni e goibhneachd, ged nach d’ ionnsaich e na cèairdean sin riamh na ’s motha na rinn mise. Phaipeirich e gach seomar beag is mór an tigh Chaluim Ruaidh, agus chuir e stigh dà lòsan an uinneag na bùtha aige. Bha uaireadair Mairi Mhurchaidh ’na stad airson còir agus leth bhliadhna, agus i feitheamh gus an d’thigeadh Jackson mór, an t-Iudhach timchioll; ach thachair do Chalum Sheorais a dhol air chéilidh air Màiri aon oidhche, agus thòisich i air gearan air cion na h-uarach. Thug Calum leis an t-uaireadair aice: thug e gach cuibhle ’s sniomhaire a bha ’na bhroinn ás agus ghlan e iad uile agus chuir e gach cuibhle agus tarag an eagaibh a chéile agus tha uaireadair Màiri Mhurchaidh a nise dol a cheart cho siubhlach ri uaireadair mór Tigh na Parlamaid an Lunnainn. [TD 89] Ach ged nach eil guth breige anns an inneas a rinn mise air Calum Sheorais mar dhuine gniomhach, ’s ann a fhuair e an t-urram mar mharaiche nan seachd cuantan. Tha na Leodhasaich uile ’nam maraichean cròdha làidir, agus ciamar nach bi? nach ann an uchd a’ Chuain-an-Iar a rugadh iad uile? Ach an déidh sin ’s ’n a dhéidh, thug muinntir an eilein againn fhéin, ’na mo bheachd-sa, barr-urram air seoladairean Leodhais air fad, ged a thuirt fear Uige an latha roimhe gu robh cus de nàdur a’ ghiomaich am muinntir Bhearnaraidh—gu’m bu chaomh leotha a bhi sgriobadh ris na creagan. ’S math nach robh mise ’s an eisdeachd ag an àm; nam biodh, bha esan air beagan a chluinntinn mu mharaichean sgir Uige. Cha b’ann ’s an aon pholl-mhònadh a gheibhte fear Uige agus fear Bhearnaraidh idir an uair a thigeadh a’ chuis gu seòladh eithir ri side nan seachd sion. Sud Calum Sheorais ma tha rogha agus taghadh maraichean Leodhais an diugh, agus ’s fhada agus cian bho’n dhleas e an t-inbhe àrd sin an toiseach. Chan eil sòlas ’s a’ bheatha so is motha bheir de thoil-inntinn dha na bhi ’na shuidhe an deireadh Reult-na-Mara agus e ag iomairt na cuibhle le tùr agus leirsinn. Chan eil òb no caolas no rudha timchioll air eilean Leodhais air nach eil cho eòlach ri radan, agus ’s e mo bheachd fhéin ged bhuaileadh doille Calum Sheorais a màireach gu’n stiuireadh e Reult-na-Mara gu cala, ge b’e taobh a bhiodh i seòladh. Tha e dol do na h-Eileanan Flannach tri uairean ’s a’ bhliadhna a dh’ iarraidh chaorach, agus tha mise ’g ràdh ruibh nach e an sùgradh idir eithir fosgailte a stiuireadh le sàbhailteachd a dh’ ionnsuidh nan eileanan sin, ach ’s e ’n turus ud a chòrdas ri Calum Sheorais, agus cha d’ thainig sgiorradh no eigin ’na luib, ged is iomadh uair a rinn e an turus ri aimsir chunnartach. ’S i Reult-na-Mara, eithir Chaluim Sheorais, am bàta aisig, a tha [TD 90] againn anns a’ bhaile so, agus chan eil cunntas an eachdraidh Bhearnaraidh gu’n do dhiult an sgiobair aice aiseag riamh do dhiuc no do cheard, agus sin gun airgiod no gun luach. Nam biodh punnd Sasunnach aig Calum Sheorais mu choinneamh gach aisig a rinn e a null air a’ Chaolas gu Carlobhagh agus gu Breascleit, bhiodh e a cheart cho beartach ris an righ, ach tha na’s fheàrr aige: tha aghaidh an t-sluaigh air, agus bithidh; ’s esan a dhleas sin. ’S ann aig Calum Sheorais fhéin a tha ’n lion is annasaiche a chunnaic mi riamh ’na mo bheatha, ged is iomadh mìle lion de gach seorsa a chaidh troimh mo làmhan ré an fhichead bliadhna a bhithinn a’ dol a dh’ ionnsuidh iasgach na h-àird-an-ear. Tha moguil de gach seorsa meudachd innte air chor ’s gu’n glac i gach seorsa eisg a tha anns a’ chuan. Feumaidh gur h-e innleachd ùr a tha an dealbh an lìn so a chionn nach eil duine air druim eilean Bhearnaraidh a chunnaic a samhuil riamh roimhe. Chaidh Sine suas an oidhche roimhe ’g a h-amharc agus i sgaoilte aig Calum air a’ Chreagan Fhraoich. Bha Tom ann is Murchadh Knox agus Iain Fhearchair agus iad uile ga rannsachadh. “Dé ’ur beachd air an lion, a Shine?” arsa Calum Sheorais. “Ni mi iasgairean air daoine dhibh,” arsa Sine: “sin an Fhirinn a bhruidhinn rium an uair a bhuail mo shuil oirre.” Tha teanga aig Tom cho geur ris an lannsa air a gleusdh seachd uairean, agus ’s ann a thuirt e as a thomad-tàmh, “Ma tha, Sine, ma ’s e seann chrogaichean dheth do sheorsa-sa a bhitheas Calum a’ glacadh ann an lion so bi deireadh an t-saoghail ann mu’ m pàigh i dha.” Sud an seorsa buatham a bheir Tom as an còmhnuidh. Le drip an àitich cha d’ fhuair sinn a mach leatha fhathast, ach ’n uair a gheibh, cha ghann nach bi na tighean againn gu tuiteam le meud an eisg a gheibh sinn. [TD 91] Chan eil neach sam bith a bhitheas a’ bruidheann air muinntir a’ bhaile againn fhéin, nach toir tarruing air mo bhana-charaid Bean Bhill, boirionnach cho feumail ’s a bha ’m Bearnaraidh riamh. Tha i snasail dealasach air a làmhan agus fad iomadh bliadhna ’s i a bha teagasg fuaigheall an sgoil Bhearnaraidh, ach ged dheanadh i sin gu math ’s gu ro-mhath ’s ann a tha Bean Bhill ainmeil air feadh Leodhais air fad airson cur nam ballan, agus ’s lionmhor iad a thàinig ’g a h-ionnsuidh air dà bhata airson an leigheas so a chleachdadh airson na siataig, no an greim-lòinidh, agus dh’ fhàg iad na bataichean far an nobh iad an uair a chuir Bean Bhill ballan orra cho tric agus a bha meud an eucail ag agradh. ’S fhada bho bhithinn fhéin agus Sine fo na fòidean fuara an cladh Bhòstadh mar a biodh ballan Bean Bhill, agus tha iomadh neach thall agus a bhos an eilean riabhach Leodhais a bheir an aon teisteanas air a leigheas. Chan eil fhios agam air an talamh có dhiu tha an Dotair Grannd agus an Dotair Padruig an Carlobhagh a’ créidsinn ann an leigheas a’ bhallain gus nach eil, ach ’s iomadh neach do ’n d’ rinn e feum agus nach e sin an dearbhadh air foghainteachd ioc-shlaint sam bith. Tha fhios agam gu’n d’thàinig an Dotair Dòmhnullach, Fear Ghisladh, a dh’ aon sgriob á Uige airson eòlas a chur air a’ bhallan, agus cha mhisd e fios a bhi aige air a shon fhéin air leigheas Bean Bhill. Chan eil briag ’s an fhirinn mar a thuirt an sean-fhacal, agus tha tri uairean aice a nise air an druim goirt agam fhéin a leigheas le mo chur air mo bhial fodham air an urlar agus i coiseachd tri uairean a null agus a nall air mo dhruim. Tha fhios agam gur h-i a leighis mi, agus tha i fhéin beò slàn fhathast airson fianais a thoirt air sin. Bu chòir dhomh a bhi air modh na h-aoise a thoirt do Thormod Taillear, agus iomradh a dheanamh air roimh so. Tha e nise [TD 92] seachad air a’ cheithir fichead agus ’s e is sine tha anns a’ bhaile againn. Duine ciatach ciuin socair a tha anns an Taillear agus is e fhéin a dh’ fhaodadh a ràdh nach do chuir e seachad a bheatha ann an diomhanas. Dh’ ionnsaich e an taillearachd an uair a bha e òg, agus ’s iomadh ciad uair a choisich e bho a dhachaidh an Carlobhagh gu Steornabhagh, agus a obair latha an urra ris an déidh sin. Bha e aig iasgach na h-aird-an-ear iomadh bliadhna mar a bha mi-fhéin, agus cha robh aon dòigh air sgillinn onarach a dheanamh nach d’ fhiach e. ’S e fear de na ciad fheadhainn a thog tigh geal am Breacleit agus bu dichiollach e fhéin an ceann na h-obrach sin. Tha e mion-eòlach ’s an Sgriobtur, agus chan eil e gu deifir de ’n earrann a bheir thu dhà tha beachd eagnuidh aige air a’ chaibidil agus an rann far am faighear e. Cha chuala mi móran aig a bheil beachd cho fallain soisgeulach air teagasg an taghaidh agus a tha aig Tormod Taillear, agus cha chreid mise na’m biodh móran de na tha sgriobhadh leabhraichean troma mu’ n chuspair ud greis an còmhradh an tailleir nach fhaigheadh iad puingean uaithe a chuireadh gu smaoineachadh iad. Mar a thuirt e fhéin rium iomadh uair, chan eil leabhar mineachaidh is fheàrr air an Sgriobtur na an Sgriobtur fhéin. Cha bhi neach fada an còmhradh an tailleir gun eolas a chur as ùr air móran de’n Sgriobtur. Tha Sine agus Mairi Mhurchaidh an còmhnuidh cho réidh ri dà cheann eich. Có dhiù cha chuala mise nàdur argumaid aca riamh ach an uair a thoisicheas iad air na h-eaglaisean. ’S ann de’n fhior Eaglais Shaor a tha Sine, agus tha gràin an aoig aice air na “U.P.’s” dìreach a chionn nach eil i ’g an tuigsinn. Bha mi-fhéin a’ deanamh cliabh-ghiomach air an t-seachduin so chaidh, agus có thigeadh air chéilidh ach Màiri, agus thòisich [TD 93] an còmhradh mu na h-eaglaisean. “Dé ni thu fhéin de na U.P.’s, a Mhàiri, ach “up”? arsa Sine “facal Beurla a dh’ ionnsuich mi an sgoil Tigh a’ Chnuic. ’S beag orm fhéin eaglais sam bith nach toir an ainm ceart seachad.” Cha leig Màiri dad oirre ge b’e de cho fada agus a théid Sine, agus ged bu bhuidhe buidhe leatha, feumaidh i sgur. Chan e sin a mhàin ach ’s ann a tha mi dhuibh air cho gleusda agus a tha Màiri airson an t-sith a chumail ri Sine an uair a théid an t-eile air a h-each mór mu na h-eaglaisean. Tha Beurla uamhasach math aig Màiri, ach chan eil dad aig Sine bhochd ach “yes” agus “no,” agus an uair a bhios an argumaid aig a h-àirde eadar an dithis thig Màiri a mach le strutan de Bheurla chruaidh Shasuinn, agus cuiridh sud a’ ghlas-ghuib air Sine agus tha fhios agam fhéin gu bheil farmad a cridhe aice ri Màiri airson cho fileanta agus a tha i anns a’ Bheurla. Nach robh còmhradh fada aig Màiri ris a’ Mhorair Leverhulme a’ chiad uair a thàinig e air tir an eilean Bhearnaraidh, agus ’s e fhéin a mhol am buntata ùr a bha i a’ togail an uair a bha e a’ còmhradh rithe. ’S ann gasda iriosal a fhuair sinne an duine còir am beagan eolais a bha againn air, agus tha mi-fhéin a’ creidsinn gu robh e air Gàidhlig Leodhais ionnsachadh nan robh sìneadh saoghail air a dheonachadh dha. Tha Mairearad Ruadh lan de sheann orain, agus tha mi ’m beachd gu’n d’ fhuair a’ bhean-uasal chòir, Nic-Cuaraig Friseal seann fhuinn uaithe an uair a bha i air chuairt an Tobson còmhla ri Bean Chaluim Ruaidh. Tha seanchas air Cailleach Barney aice cuideachd, agus ged nach eil ro-fhada idir bho ’n a bha am boirionnach Eirionnach sin a’ dol mu’n cuairt ’s a’ chearnaidh so le ceannachd, ’s e beagan de’n òigridh aig a bheil fios air an eachdraidh aice. Tha bràthair aig Mairearad an Glaschu, Dòmhnull Bhear- [TD 94] naraidh mar a chanas sinn ris, bàrd cho math agus a tha againn ’s an eilean so an diugh. Chan eil romham móran de eachdraidh a dheanamh air oigridh a’ bhaile againn, a chionn gu bheil latha ’n àigh rompa-san fhathast agus gu faod móran aca a bhi gu math ainmeil mu’m bi iad a’ cladhach anns an tri fichead—tha e gun teagamh soirbh do oigridh an latha ’n diugh a bhi ainmeil seach mar a bha cùisean na mo latha fhéin, agus latha Sine, ach dé math a bhi gearan? ’S glé thoigh leam fhéin a bhi greis an comhradh Mina. ’Se bansgoilear a bh’ innte-se agus chuir i seachad cuid de a beatha thall a Bhancoubher an déidh dhith pòsadh, agus nam biodh fhios agaibh-se air na seanchasan a bhios i deanamh dhomh-sa air na nàbuidhnean neònach a bha aice thall ’s an dùthaich ud—“daoine dubha ’s daione buidhe ’s muinntir Shina, agus na daoine tha fada thall,” mar a bhiodh aig Eoghain Mac-Aonghais anns an urnuigh aige. Sinn bu choir a bhi taingeil am Breacleit ’s gun eagal oirnn roimh ar nàbuidh an uair a théid sinn a mach an dorus, ged nach biodh sgadan mór a’ Ghalain againn idir leis a’ bhuntàta. Tha mo charaid Aonghas Taillear air pòsadh agus gu dearbh gu ma h-aighe dha gach latha. ’S e bhios a’ taillearachd a’ chlo Bhucaich dhomh-sa agus ’s ann glé mholtach a bha mi-fhéin riamh air obair a laimhe, agus cha mhi ’nam aonar a bheir an teiste sin air: chan e na h-uile taillear a ni obair ghrinn de’n chlò Bhucach idir. Bha Aonghas fada ’s an taobh-deas agus mar sin tha e eòlach air an t-saoghal ùr—rud nach eil mi-fhéin agus Sine—agus ciamar a bhiodh? Tha inntinn mhath mhath aige airson argumaid agus ’s ann dha fhéin bu dual—’s fhada shiubhladh neach mu’n tachradh e air leithid a athar Tormod Og, duine aig an robh inntinn dhomhain thurail a bhiodh an còmhnuidh a’ cnuasachadh air cuspair air [TD 95] chor-eigin. ’S iomadh bliadhna thug Tormod an im-cheist mhóir mu Mhelchisedec co bh’ann no ’n e Criosda fhéin a bh’ ann, “duine gun athair gun mhàthair, gun tùs laithean gun deireadh bhliadhnaichean agus sagart an Dé is ro àirde.” ’S e clachan a’bhalla a chluinneadh de ’m beachd a bha aige air gach mìneachadh, a bha e a’ faighinn timchioll air an run-diomhair a bha cuartachadh an t-sagairt ud. Có th’aig an tigh ach Mairsili Dhonn an dràsda? Tha ise ann an tigh mór an Kelvinside anns am bheil dusan searbhanta, agus gu dearbh ’s i thog oirre, bho ’n d’ fhàg i Bearnaraidh ceithir bliadhna ’n àma so. Bha i air chéilidh oirnn an raoir, agus ’s ann ri Sine a chòrd gach naidheachd a bha i a’ deanamh mu Ghlaschu. A dhuine chridhe, nach ann ’s a’ bhaile mhór ud fhéin a tha na goireasan seach mar a tha sinne ’s an eilean iomallach so. Bha i ’g ràdh ri Sine nach robh aice ach “Hello!” a ràdh ann an adhairc ri fear na butha a tha ’n ceann eile a’ bhaile seadh mar gu’m biodh e thall anns na Daile Beaga, agus mu’m biodh na poitean aca ceart air an nighe gu’m bidh baloach piullach aig an dorus le iasg agus feoil agus cearcan agus gach itheanaich a chuireas iad ’nam bial eadar dà cheann na seachduineach. “Bidh dusan seorsa bidh aca air an dinneir gach oidhche,” ars’ ise, ri Sine. “O, chan, ochan, a Mhairsili,” arsa Sine, “nach ann aca tha ’n stamag nach eil agam fhéin. Chan urrainn mise mir arain ithe còmhla ris an tea a ghabhas mi an déidh a’ bhuntata ’s an sgadain, agus ’s ann rium a chòrdas e ged is liath mo dhosan.” “Am bi thu cur pùdar air t-aodann, a Mhairsili?” “Air uairibh,” arsa Mairsili, “ach chan fheum mi a chur ’nam àrainn an oidhche bhios mi am muigh còmhla ri Aonghas Iain, á Bragair: tha sinn a ruith a chéile a nise bho chionn dà bhliadhna.” “Mac an deagh athar,” [TD 96] arsa Sine, “’s ma gheibh thu esasn air do chluasaig, chan aithreach leat, a Mhairsili, latha do bhainnse. Ach de’m feum a th’ agad-sa, nighean bhriagha dhreachmhor mar a tha thu, air pùdar Shasuinn a bhi falach craicionn glan snuadhmhor mar a th’ ort fhéin? Mo shùilean pill mu’n amhairc mi air diomhanas gun stàth, mar a thuirt Daibhidh còir—sin an urnuigh a bu chòir a bhi agad-sa, a Mhairsili, an uair a bhios am bocsa pùdair ’g ad bhuaireadh.” Tha Niall Chaluim Sheorais ’na phiobaire ainnidh math agus ’s e fhéin aig a bheil an t-alt fileanta oirre. Cuiridh e ceòl ann an Sine fhéin, agus ged nach dàn leatha ceum no dhà ’s an ruidhle a dheanamh le eagal na cléire, bithidh na spàgan aice a’ cumail tìde ris a’ cheòl aige ge b’e àite ’s an cluinn i e. Nam bithinn fhéin beartach, rud nach bi, bheirinn suim mhór airgid seachad airson gu’m biodh gach balach am Bearnaraidh ’n a phiobaire deanta, agus ’s iad a dheanadh na deagh phiobairean. Tha ceòl annta gu nàdurrach, agus sgamhanan làidir aig gach aon aca airson gaoth a chumail ri màl. IAIN N. MACLEOID. [TD 97] Easbhuidh Nuadh: Eol-Chuairt Gaidhlig BU chiatach an gnothuch nan cuireadh Gàidheil deadh-rùnach, tapaidh, comasach (ma tha an leithid ann) mu dheighinn enclopaidia (no eòl-chuairt) Gàidhlig a chur ri chéile airson ar sluaigh, le fòghlum agus ughdaras, gu bhi dhuinn’ na threòraiche anns gach roinn de litreachas agus beatha ar cinnich. Bhitheadh sin ’na oidhirp ghaisgeil ann an ceàrnaidh ùr, agus bheireadh e sasuchadh do fheum a tha cumanta gu leòir an diugh. Oir is tric tric a dh’éireas do dhuine ceisdean mu iomadh gnothuch Gàidhealach, agus chan eil am fiosrachadh ghnàth aig làimh, no ùine gu dol ’g a shireadh. Tha an so cothrom do Eòl-chuairt no giorradan iomlan an eòlais. A réir gach coslais tha an uaireasbhuidh so air fhaireachadh ni’s motha agus ni’s motha ’nar measg-ne, ach bha e a ghnàth dualach do’n duine. Innsear dhuinn le sean eachdraidh gu’n robh e ’na easbhuidh am measg dhaoine o chionn dà mhìle bliadhna codhiù. Thubhairt Aristotel nì no dhà mu dheighinn, agus mu’n cuairt do 30 R.C. sgriobh Terentius naoi leabhraichean airson a leithid. B’e so rùn Philinius (bu shine) eadar 23 agus 79 A.D. nuair a sgriobh e leabhraichean mu dhian-fhiosrachadh an t-saoghail fhaicsinneach. Theagamh gu’n d’thàinig an dèidh so air tùs o na Gréugaich—agus am focal cuideachd. Chuir na h-Aràbaich a mach leabhair mór de’n t-seòrsa so [TD 98] ann am Bagdad ’san deicheamh linn. Ann an 1538 chuir Sir Tomas Eliot a mach leabhar air “Cuibhle no Cùrsa na h-uile Teagasg.” Tri bliadhna ’na dhéidh sin bha Rengelberg anns a’ Ghearmailt a’ clò-bhualadh a cheud leabhar a fhuair an t-ainm “Cyclopaedia,” no ioma-chuairt. Aig an àm is ann a tha na h-Eadailtich an déidh crìoch a chur air eòl-chuairt nàiseanta gu sònraichte grinn. Tha e deàr làn de dhealbhan, agus chaidh móran saothair agus tàlant a chosgadh ris. Ann an Alba ’s an ochdamh linn deug chuireadh an òrdugh an Encyclopaedia Britannica, agus mu’n àm cheudna bha na Sinnich ann am Peacin a’ clò-bhualadh leabhar mór de’n ghnè cheudna, a ràinig 5020 pasgan. Mar so tha iomadh ball sampuill romhainn, ann an dùthchanna fagus agus céin, ann an linntean fad o chéile, gu ar treòireachadh ’s an obair so. Ach cha smuainich sinn an tràths’ air cóig mìle pasgan, no idir air cóig. Anns a’ cheud dol a mach is leòir aon phasgan. Ma ghebh sinn leabhar deas, laimhseachail, eireachdail, neo-chosdail, bithidh sinn ro-thoilichte. Ach feumar àite fhaotainn ’san leabhar airson earrainnean poncail, air an sgrìobhadh leis na daoine is comasaich a th’ againn, air na h-uile gnothuchan a tha dàimheil duinn uile. Anns na leabhraichean bliadhnail agus ràideil, sean agus ùr, gheibhear mór leasachadh airson an ealantais iomadh ghneitheil bu mhath leinn fhaotainn anns an Eòl-chuairt Gàidhlig; agus anns an leabhran beag ris an abrar Có e có nan Céilteach (“Celtic Who’s Who”), gheibhear àireamh mhór de ùghdairean a tha a’ làimhseachadh mór stòras de nithibh a bhuineas do inntinn nan Gàidheal. [TD 99] Chan eil àit’ agam an so, agus cha bhitheadh e freagarrach co dhiù, oidhirp sam bith a dheanamh air a bhi a’ taghadh no ag ainmeachadh nan nithibh a bu chòir a chur an céill ann an co-chruinneachadh de’n t-seòrsa so; ach ’n am measg gheibheadh sinn na leanas—agus móran eile—cunntasan air:— Ainmean àitean. Airneis tighe. Aodaichean agus deisean. Bailtean na h-Alba. Bàrdachd agus Bàird. Cànainean nan Céiltach. Ceàirdean, sean agus ùra. Cé-eòlas nan Gàidheal. Ceòl nan Gàidheal. Comunna nan Gàidheal. Cràbhachdan. Dàin chluich. Dàin Oisein. Eachdraidh nan Gàidheal. Ealaidhean. Ealantachd ar sinneir. Eòl-chogaidh agus àirm. Fineachan nan Gàidheal. Fòghlum ann an Alba. Foclairean. Gnè-eolas. Innealan Ciùil. Laoidhean naomha. [TD 100] Leabhraichean Gàidhlig. Leabhraichean Ràitheil Gàidhealach. Lagh am measg nan Gàidheal. Lighichean Gàidhealach. Luibh-eòlas. Litricheas nan Gàidheal. Marsantachd. Naoimh an Alba ’s an Eirinn. Oranan agus ceòl seinn. Reul-eòlas. Riaghladh agus uachdranachd. Ròsg Ghàidhlig. Saothaireachd agus dreuchdan. Seanachas. Sgìrean na h-Alba. Sgoilean agus Ionnsuchadh. Tirean nan Ceilteach. Tuathnachas. Ur-sgeulan. Ughdaran Gàidhealach. Tha mór mhisneach ann an cridhe ar cineil; cha thionndaidh iad an cùl air doirbheachd, ach am bheil e idir ’nan comas an euchd so a rùnachadh gu soilleir, agus a chur an gnìomh ann am modh a chuireas urram air ar n-ainm? Gu dearbh tha. Tha againn daoine teòma eòlach foghainteach a tha ceart choimeasach airson so. Ach bu mhath gu’m bitheadh an dleasnas so air earbsa ri fòghlum agus deagh-thuigse nan daoine is fhearr a gheibhear air [TD 101] fad agus leud nan tìrean a tha fhathasd a’ toirt breith agus bith do Ghàidheil. Chan fhaod eud no claon-bhàigh eadaraiginn sam bith a dheanamh ’sna nì so, ni motha is e so gnothuch aoin duine. Bithidh feum air àireamh de na daoine is comasaich is urrainn duinn a shireadh a mach gu bhi an ceann na h-oibre. Faodar gur e comunn mór làidir coltach ris a’ Chomunn Ghàidhealach bu chòir an nì so a ghabhail os làimh, agus nan cuireadh iadsan cuideachd bheag de na teallsanaich is fhearr gu bhi an ceann gach roinn de’n chùis cha bhitheadh e idir duilich no ann an teagamh. Do aon duine bhitheadh an t-eallach ro thròm, ach le neart agus deagh-bhreithneachadh a’ sruthadh o gach àirde theagamh gu’m faigh sinn ni a bhitheas gu dearbh luachmhoir, agus ni’s fhearr na ar dòchas. LACHLANN MACBHEATHAIN. [TD 102] Duan Nan Gillean-Culaig THAINIG sinne seo a’ chulaig Dh’ ionnsuidh tulaichean a’ chaoimhneis, ’Giulain durachd na bliadhn’ uire— Sibh ’bhi subhach, sunndach, aoibhneach: Ma is math tha sibh an drasda, Gu ma feàrr ur slaint’ ’s ur saoibhreas Ré a h-uile latha ’chi sibh; ’S chan eil ni’sin ach na thoill sibh. Tha ’n t-seana bhliadhn’ air tigh’n gu deireadh: Tha i ’teireachdainn ’na deann-ruith, Cha bhi duin’ againn ’ga h-ionndrain— H-uile tionndadh dhi thar labhraidh. Bha i crainntidh, fuar a’s t-earrach, ’S gaoth-an-ear ann fad an t-samhraidh. Theab nach beireadh cearc ’s a’bhaile, ’S gaillionn ann mar dhubhlachd geamhraidh. Tha a’ sgadan air ar treigsinn, Cha dean feum a’ bhi ’ga ranaich. Faodair sgoth ’chur air an teine, Tha na lin a’ dion phuntata. [TD 103] Thuit a’ phris air crodh ’s air caoirich: ’S truagh an t-saothair bhi ’g an arach. Cha dean damh na chaidh ’na bhroinn, Chan eil foighneachd air bo-dhara. Chan eil cosnadh ’n diugh ri fhaotainn: Tha cus dhaoine anns gach ceàrna. Chan eil car an garadh iaruinn: Tha iad diamhain, falamh, samhach. Chan eil sgillinn aig duin’-uasal; Chan eil tuathanas a’ paigheadh: Tha iad uile ann an cruaidh-chas: Chan eil buachaill’ bhuap no aireach. Dh’ eirich buileach dhuinn an tubaist— Bhuail an dubhadh am puntata. Ma shamhainn chaidh an crodh an diosg, ’S chan eil rian air im no caise. Ni chan fhaigh sinn leis an “tea” Mur eil sgriobadh as an traigh ann. A’s mas ruig sinn aois a’ phensein ’S math a’ seans gun tig am bàs oirnn. Tha bean-an-tigh’ air tigh’n a nuas A chluinnteil duan nan gillean-culaig; Tha i ’g eisdeachd cul na comhla, ’S bonnach coir aice air fhuinne. Fosglair dorus farsuinn, fialaidh, ’S gheibh sinn riararchadh an urra— [TD 104] Aran ’s luchd de dh-im ’s de chais’ air ’Ghluaiseas cail mu ithe-chlugain. Chan eil fad’ againn ri fuireach, A’s a h-uile tigh ri’ bhualadh: Mharbh Caitriona Mhór an coileach, A’s bu toigh leinn ’bhi mu’n cuairt da. Tha marag-dhubh aig Seonaid Uisdein, ’S bidh sinn ’burach innt’ gu’r cluasan; ’S ma bhios tart oirnn, air ar sarach’, Caisgidh Padruig e le uachdar. Dubailt bonnag! Fosgail seo! MAOLCALUM MAC AONGHUIS. [TD 105] Musamull THA Eilean Mhùsamuill air cladach Earra-Ghaidheal. Cha ruigear a leas an còrr de leudachadh a dheanamh air a shuidheachadh ach sin. ’S e eilean brèagha torach a th’ ann. Bha mòran sluaigh ann o shean, agus iad glé mhath dheth, cuideachd; oir bha muir is monadh a’ cur teachd-an-tìr gu’n teinteanan. Chan eil crioman de’n Ghaidhealtachd is fèarr grunnd na Mùsamull, agus an uair a bha sluagh liònmhor ann, ’s an talamh air àiteachadh ’s air a ghiollachd a réir gnè an deagh thuathanachais, bha bàrr de gach seòrsa saibhir ann. Glé thric, nuair a bhiodh droch fhoghar ann, agus bàrr gann an àiteannan eile, bhiodh saibhlean is iodhlannan Mhùsamuill làn. Nuair a thigeadh Sgriob-liath an Earraich ’s nach fhaicteadh an eilean eile no air tir-mór ach làrach nam mullan an iodhlainn, no làrach nam pollag an achadh, b’ann air Mùsamuill a bheireadh gach neach aghaidh a chum pòr an Earraich fhaotainn. B’ ann á Mùsamull, cuideachd, a gheibhteadh an crodh, ’s na caoraich, ’s na h-eich a b’fhèarr a chìteadh air margadh; oir bha a raointean ’s a mhonaidhean—eadhon a’ chuid a b’ àirde de mhonaidhean—air leth a chum feuraich is ionaltraidh. Gun ghuth air a sheilg no air iasgach a chuid aibhnichean is loch, a bha cur rorum gun ghrabadh air bùird a shluaigh; oir bha a’ mhaigheach ’s an coin-canach lìonmhor air a raointean ard-fheurach, ’s ’na mhonaidhean [TD 106] fraochach; ’s bha a choilltean dlùth-chraobhach a’ deanamh dachaidhean fasgach do ’n choileach-dhubh ’s do ’n liath-chirc, is bha an cuan mór a bha mu’n cuairt Mhùsamuill làn de gach gnè de dh’ iasg mór. B’e cosnadh an t-sluaigh, leis an sin, iasgach is tuathanachas. Ach chuireadh Mùsamull dheth de gach seòrsa bìdh móran barrachd air easbhuidhean a shluaigh shothrachail. Bha’n t-iomall air a chur gu margaidhean na Galldachd aig amannan sònruichte de gach bliadhna. Bha càbhlach smathagaichean aig Mùsamull da féin, agus bu tric a dh’ fhàgadh iad a bhàghan fasgach, ’s iad a siòs gu ’n stràc àrd le toradh an eilein: iasg ’s buntàta, ’s uighean is feòil; agus gach neach a bhiodh ri malairt a’ falbh an cois a chodach féin. B’e cor Mhùsamuill mu na h-amannan ud, cor taobh-an-iar na Gaidhealtachd air fad. Bha na sean chleachdaidhean air an cumail suas bho linn gu linn mar a bha iad aig an sìnnsearachd o chian. Cha b’ ann a chionn ’s gu’n robh na sean chleachdaidhean na b’ fhèarr, no an sluagh na bu chùinge ’nam beachd, ach a chionn nach d’thàinig fathast atharrachadh o’n leth-am-muigh de ’n t-saoghal a dh’ aobharachadh atharrachadh chleachdaidhean an àitean iomallach mar a bha Mùsamull féin. Bha fathast crònan aig cuibhil, is ràc aig càrd anns gach tigh bha mhoch gu dubh, agus seirm nan òran a’ deanamh coisir ealanta le fuaim nan inneal. Bha fathast a’ chlann a’ dol do’n sgoil le caman ’san dara h-achlais agus dà’ fhòid mhòna ’san achlais eile. Bha fathast an sean mhaighstir sgoile a’ sgrìobhadh cheann-shamhlaidhean le peann ite, agus a’ nochdadh lamh-sgrìobhaidh a dheanadh tàir air obair chlair-umha. Agus cha d’ fhalbh fathast an latha air an leigeadh [TD 107] e an sgoil ma sgaoil, ’nuair a bhiodh dreap Earraich no Faoghair ann. Bha Mùsamull mar àiteannan eile a thaobh làithean-féille; agus cha robh ann na chuireadh seachad na làithean subhach sin le barrachd toileachaidh no barrachd abhachdais na muinntir Mhùsamuill. Bha Samhuinn is Nollaig is Céitean ’nan làithean sònraichte, agus an cleachdaidhean féin ’nan cois. Ach is gann nach faodar a ràdh gu’m b’e falbh is tighinn nam buanaichean rud cho mòr ’s a bha cur gluasaid air feadh Mhùsamuill. Bha, an uair sin, mòran de ’n òigridh a’ fàgail na dùthcha; agus bhiodh fiughair ro mhòr air sluagh Mhùsamuill ri ’n teachd air an ais le gach sgeul thaitneach air gach ni a thachair am measg a’ chomuinn ré an siubhail air machraichean brèagha na Galldachd; agus le gach gnothuch rìomhach a cheannaicheadh iad ’sna bailtean mòra mu dheas. A bhàrr air sin bhiodh daonnan gillean is nigheanan a bhiodh bliadhnachan ’gan cosnadh air Galldachd a’ gabhail cothruim air an aiseag a ghabhail leis na buanaichean a chum làithean saora a chur seachad fad a’ gheamhraidh ’sna seann dachaidhean am Mùsamull. CAIB II. B’ uachdaran Mhùsamuill an sàr Coinneach Camshron mu’n àm air an do thòisich aobhar an sgeòil so air freumhachadh. Bha ’n sàr Coinneach do dh’fhìor sheann sliochd. Bha e sin a reir beul-aithris muinntir Mhùsamuill féin; ach chuir na seanchaidhean a shìnnsearachd cho fad air ais an ceò na h-àrsaidheachd ’s gun saoileadh neach gu’n robh comh-chengal eadar Mùsamull is gàradh Edein. Bha ’n sàr Coinneach glé ònrachdanach ’na shean aois. Dh’fhalbh e bhean ’s a theaghlach iomadh bliadhna roimhe féin, agus cha robh a nis beò de a shliochd ach aon ogha dha: [TD 108] Coinneach òg, mac mic da; agus cha robh fìor chinnt an robh am fear sin féin beò. Cha robh gaotharan riamh air an t-saoghal a bu mhò na Coinneach òg. Air bàs athar bha e gun athair gun mhàthair, gun phiuthar gun bhràthair; agus chaidh e a dh’fhuireach do lùchairt mhór a sheanar; oir b’e féin a nis oighre dligheach Mhùsamuill. Cha robh a chomh-impire féin ’san eilean; ach ged nach robh, rinn e comh-impirean d’a chomh-aoisean am measg na tuatha air fad, gu sònraichte clann nan coimhearsnach a bu dlùithe do’n chaisteal. Bha e ’na nàdur cho beag gò ri balach ’san dùthaich. Ach, gun a bhi uair air bith a’ cur roimhe bhi cronail, cha robh sìon air an toirteadh ciothram mar ainm, nach biodh e an sàs ann; ’s chan fhaiceadh e uair air bith an cron gus am biodh an cron deànte. Bu tric a theireadh a sheanair féin nach robh eanchainn idir ann; agus gu’m bu choma dha có ’n ceann a bhiodh fodha dheth. Cha robh stalla am Mùsamull nach dìreadh e, a chreachadh nead; agus mar bu chunnartaiche an gnìomh b’ ann a bu luaithe chuige se. Mu’n dubhairt an cùbair e: “Faodaidh an fheannag an car a thoirt as an speireig, ’s as an t-seabhaig; ach feuch thusa an toir i an car as Coinneach òg.” Ach, co-dhuìbh, thàinig an t-àm air am feumadh Coinneach òg dol do ’n sgoil do ’n Ghalldachd a chum ionnsachadh duin-uasail fhaodainn—ged a theireadh muinntir Mhùsamuill nach ruigeadh e a leas an làrach ’san robh e fhàgail, a chionn nach cuireadh an Fhéinn féin sgoil ’na chlaigeann. Co-dhiùbh, dh’ fhalbh Coinneach; ach ma dh’ fhalbh, an ceann glé bheagan mhìosan thill e. Cha d’ thug a’ Ghalldachd no a cleachduinnean mìn fìnealta, àiteachadh as. Bha e mar eun an eunadair, agus a’ call nan itean a’ clapadh a sgiathan ri ballachan a phrìosain. Bha e ag ionndrainn chnoc is raointean is saorsa Mhùsamuill, ’s a’ chuain a bha mu’n cuairt air, [TD 109] cho mór ’s nach biodh e beò am measg sràidean cumhang a’ bhaile mhóir. Nuair a shuidheadh e aig a’ bhòrd ’san oidhche, a cheann eadar a dhà bhois, ’s a leabhar Làidinn no Greugais fosgailte fo shùil, an àite bhi cnuasachd, ’s ann a ghiùlaineadh a mhac-meanmna e gu Mùsamull. Gheibheadh se e féin an sin ’san fhireach, a ghunna ’na achlais, ’s coin sheanga air fàileadh na seilg. No, math dh’fhaoidteadh, air druim a’ chuain a bha ’g iathadh mu’n cuairt an eilein air am b’oighre e, an iùbhrach fo thrì sreathan, a bheul mòr ’san uisge, ’s i a’ cur g’a dùlan na gaoithe a bha trusadh a muilchinnean ’san àird-an-air a chum dòilich a dheanamh. Dhùin e an leabhar le glag: chan fhuilingeadh e na b’fhaid e. Reic e aodach ’s gach leabhar a bh’ aige, is thug e ceann an rathaid air, ’s gun ’na chuideachd no mu chom, ach deise fhuadain a fhuair e saor. Bha làn aighear gu leòir am Mùsamull an latha ràinig e; agus cha b’e a shean seanair a bu lugha rinn de ghàireachduich nuair a chunnaic e ogha agus oighre, ’san sgeadachadh ’san robh e. Bha còta fada dubh air, a sìos gu shàiltean, agus filleadh air na muilchinnean; ad bhog dhubh, trì fillidhean air a bhriogais, agus a h-uile bad a bh’ air, dà thrian tuilleadh is mór da. “Am bheil, a laochain, duine leat?” ars an cùbair ris; oir bha muinntir an eilein cho dàn ’s cho eòlach air ’s gu’n abradh iad rud ’sam bith ris. “Chan eil. Nach eil thu faicinn nach eil duine leam?” ars esan gu socharach, neo-chionntach. “A hà!” ghàir an cùbair. “Nach faodadh do leithid eile féin a bhi leat anns an sgeadach a th’ ort! Agus na brògan! [TD 110] Na’n robh iad dìonach gu leòir, dh’ fhaodadh tu coiseachd gu sgiobalta thar Caol Mhùsamuill. A ha! Nach tu nach ruigeadh a leas a bhi ’n eisimeil bàta!” Ach ciod air bith am feal-a-dhà a dheanadh iad air, chan abradh esan uair air bith ach “Hoch!” ’s e a’ tionndadh a chinn air falbh. A’ snàgan a nuas dh’ ionnsaigh na cuideachd, ’s i a’ figheadh stocaidh, bha Peigi bhàn, agus bu bheag a bheireadh air Coinneach an rathad fhagail na ’m b’ urrainn e, gun nochdadh gur ann roimh Pheigi a bha e teicheadh. Bha Peigi ’na banaltruim an tigh athar. ’Si a dh’ altruim Coinneach òg bho na bha e ’na leanabh. Rinn i, an seadh, àite màthar dha; agus ’s gann a bhiodh barrachd gràidh aig màthair da mac na bh’ aice-se do Choinneach; agus is gann a ghoirticheadh gòraiche mic cridhe màthar na bu mhò na bha gòraiche is amaideachd Choinnich a’ goirteachadh a cridhe-se. Chunnacas riamh gu’n robh an dàimh a bhiodh eadar seann bhanaltruim ’s a daltachan a cheart cho daingeann, diongmhalta, ri dàimh na fala a tha ruith ’sna cuislean. Thàinig Peigi bhàn do Mhùsamull ’na h-inghinn oìg an cuideachd màthair Choinnich. Ri ùine phòs i ’san eilean, agus ged nach do bhuilicheadh teaghlach oirre, dh’ fhan i le cuideachd a fir gu dleasnach an déidh a bhàis, mar a dh’ fhan Rut le Naomi. “A Choinnich, a ghaoil!” ars ise nuair ràinig i far an robh Coinneach, agus grunnan fhear is bhalach ri fearas-chuideachd, “Ciod e tha ’n so?” “Hoch!” [TD 111] “Nach tusa a chuir an sgeul ’s an seanachas am beul na dùthcha! Nach tusa, a Choinnich, a chaidh tur an deachaibh, mar nach deach duine de na daoine o’n d’thàinig thu. Ciod e is ciall duit?” “Hoch!” “Am bheìl thu a’ brath cridhe do sheanar a bhriseadh?” “Hoch!” “Nach gasda an caithe-beatha so do dh’ oighre Mhùsamuill: sìol nan uaislean! Nach gasda an sgeadacha anns an d’ thàinig thu am measg tuath do shìnnsireachd!” “Hoch!” “Ud, ’se Hoch’!” “Tha mi ag ràdh riut, a Pheigi, gu’m biodh e mór leam dol am mach, eadhon oidhche shamhna, leis an deise a th’ air,” ars an cùbair. “Agus, gu dearbh, a Choinnich òig, a shìol nan sonn, ged a thubhairt an sean fhear” gu’m mill danadas modh, “chan ann leis an dànadas a mhilleas modh, ach leis an dànadas a bhrùchdas á deagh dhùrachd, a their mi riut gu’m bheil feum an t-àm an bhliadhna th’ ann, neo bha thu air do thogail aig na feannagan. Leòra! Na ’m b’ e ’n t- Earrach a bh’ ann, bhiodh iall dhiot anns a h-uile nead ’san stalla mhóir.” Shnìomh a’ chuideachd iad féin a’ gàireachdaich. Ach cha do rinn Coinneach ach tionndadh mu’n cuairt agus “Hoch!” a ràdh. Bha Peigi bhàn agus “gliog, gliog” aice air na deilg; agus ged a bha a sùilean làn, cha b’ urrainn i fiamh a’ ghàire a chumail air falbh nuair chuala i àbhachdas a’ chùbair. Ach, mu dheireadh, [TD 112] sgioblaich i na lùban air na deilg, phaisg i an stocaidh ’na h-aparsaid, agus labhair i ri Coinneach gu smachdail. “An cluinn thu, Choinnaich?” ars ise. “Thalla leamsa air a’ mhionaid far am bheil do sheanair.” “Hoch!” “Hoch no heich! Cha leig mi leat idir. Coisich a nis,” ’s i a’ beirsinn air ghualainn air. Cho eutrom ’s gu’n robh Coinneach an aon dòigh, bha e an dòigh eile cho soirbh ri cat, mar their iad; agus, glé bhitheanta, gheibhear caora dhubh gach teaghlaich mar so, agus fo mhór mheas aig daoine eile, ged a bhitheas iad a’ briseadh cridheachan an ciudeachd leis an fhaoineas ’s leis an amaideachd. ’Nuair a chaidh Coinneach is Peigi an làthair an t-seanair cha do rinn e ach a cheann liath a chromadh ’s a chrathadh. “Ciod i do bharail air an ogha th’ agam an so, a Pheigi? ars an sàr Coinneach. “Chan eil, gu cead duibh-sa, ach a’ bharail a bh’aig a’ bhroc air a ladhran: barail bhochd, barail na truaighe.” “Cha mhòr nach robh e cho math leam a bhi ’na Ismael féin, ri bhi ’na mhac stròigheil. Bhiodh rud éiginn de spraic ann, co-dhiubh. Ach, a Choinnich, ogha, their mi riut mar a thubhairt Fionn ri Oscar, is sinn anns a’ cheart daimh da chéile: ’Lean gu dlùth ri cliù do shinnsir, ’s na dìobair bhi mar iadsan’.” “’S e sin guìlan is fèarr a bhi aige na bhi mar a thubhairt Donnchadh bàn ri Iain Faochaig: ‘’S tu ’n t-eun a chaidh an deachaibh; ’s an nead creachte an deach t’fhàgail’,’ arsa Peigi, agus ’s ann creachte a bhios nead Mhàsamuill ma leanas ruith [TD 113] Choinnich air a ruaig. Sgioblaich thu féin cho luath ’s a ni tàillear freasdal duit, agus bi air falbh gu d’ ghnothuch seachduin o’n Mhàirt so tighinn le bàta Eóghainn ’ic Dhùghaill. Nach nàrach maslach gu’m biodh oighre Mhùsamuill ’san t-suidheachadh ’sam bheil thu, agus a’ cur cràidh air seann chridhe do sheanar. Thoir an aire air do sgoil ’s air t’ionnsachadh, agus gabh do ’n arm coltach ris na daoine o’n d’ thainig thu, a h-uile taobh gu’n d’thàinig thu, cuideachd. Nach bu ghasda dhuit, le éiginn, gu’m biodh am posta a’ toirt chugad litrichean agus ‘An Coirneal Camshron,’ air a sgrìobhadh oirre.” Am feadh a bha Peigi a’ toirt seachad na h-òraid so is gann gu’m b-urrainn an sean sàr cumail air féin leis a’ ghàireachdaich. Bha Coinneach òg féin a’ cumail a leth-oir rithe, ’s e ’sa cheart shuidheachadh, agus a’ cagnadh muilichinn a chòta. “Tha thu ceart gu leòir, a Pheigi. B’ àill leam gu’n robh barrachd spraic ann, ’s gu’n leigeadh e fhaicinn gu’n teid dùthchas an aodann nan creag’,” arsa an sàr Coinneach ’s a shìulean làn dearg, ag éisdeachd ri Peigi. “Seadh! nach e sin a tha ’gam leòn,” arsa Peigi. “Cha chualas creutair riamh nach téid r’a ghné, ach an aon chreutair so. C’ar son, a laochainn nach gabhadh tu eisempleir de Chailean Thormoid? Tha esan a’ cur roimhe a bhi ’na mhinistear fathast Sin fear a tha toil aige ‘Clach a chur os cionn clach Mhic Leòid,’ fear nach robh duine de a dhaoin raimh ach a’ bùrach am Mùsamull. Tha e nis gu gleusda ag ionnsachadh Làidinn is César, is Astronomi, is Nabhigèisean. Tha aithne aige air a h-uile rionnaig anns an speur, is ìnnsidh e ciod e an t-astar a tha eatorra, ’s a h-uile sìon. Sin agad duine! Is còir do dhuine daonnan a bhi a’ feuchainn ri faotainn a suas.” [TD 114] CAIB III. Cha robh an losgadh a thug Peigi do Choinneach idir gun fheum. Thoisich e air cur mu réir gu tilleadh do’n sgoil ’sa mhionaid, agus mu’n robh an t-seachduin ’na tigh bha e ’n éideadh ’s an caiseirt ùir: agus cha bu lugha na fheum. Bha e sheanair an dochas gu’n tigeadh e gu rathad is gu’m biodh e fathast ’na urram da; oir bha e riamh gun móran sùla as a dhéidh, agus a shrian mu chluasan. Co-dhiùbh, dh’ fhalbh e gu toileach le bàta Eóghainn ’ic Dhùghaill, agus air cho eutrom ’s gu’n robh e, cha robh duine am Mùsamull nach robh a bheannachd ’na chuideachd. Rinn an Rolbheirsion turas sgiobalta dheth gu Glascho; agus cha b’fhada gus an robh Coinneach òg cróm os cionn a leabhraichean aon uair eile. B’e an Rolbheirsion ainm bàta Eóghainn ’ic Dhùghaill co-dhiùbh, b’ ann mar sin a bhaist muinntir Mhùsamuill i. Ach b’e Ralph Emerson a h-ainm ceart. Cheannaich Eóghann i o fhear gallda an Aird-Rosain. Thug e iomadh bliadhna aig muir a’ seòladh feadh cuantan an t-saoghail; agus, nuair a rinn e beagan airgid, smaointich e gu’n tòisicheadh e air a làimh féin. Sin mar a thainig an Rolbheirsion do Mhùsamull. ’S i a bu mhò de bhatàichean Mhùsamuill air fad; agus bha a toll-toisich cho seasgar, comhfhurtail ri iomadh tigh. Air an t-slighe do Ghlascho bha Coinneach òg cho saor ris na h-eòin a bha snàmh air a’ chuan mu ’n cuairt, no ag itealaich anns na speuran os a chionn. Bha ’n t-sìd cho math, ’s a’ ghaoth cho fàbharach ’s gu’n robh sgonn math de ’n sgòd am mach a’ chuid bu [TD 115] mhò de ’n turus. Bhiodh e féin is Eóghann a’ chuid bu mhò de ’n latha ’s de ’n oidhche, gu àm cadail, a’ cnacaireachd ’san toll-thoisich, agus Eóghann ag innseadh a dhriodfhortan féin fad iomadh bliadhna aig muir, am feadh a bhiodh e, math dh’fhaoidteadh, a’ fuineadh bhonnach coirce, ’s ’gan cur air an oir ris an teine g’an gréidheadh. Bhiodh Coinneach féin ’ga gharadh, ’s e ’g éisdeachd gu toilichte. “Ciod e nis an ùine a bhiodh sibh a sealladh fearainn air uairean?” dh’fharraideadh Coinneach, ’s e gabhail tlachd á bhi cluinntinn sgeòil-mhara bho sheann seòladair a bha ré a latha anns gach cèarn anns an taghaileadh long, a thàinig troimh h-uile seòrsa gàbhaidh, agus aig an robh eòlas air na siantan anns gach dòigh air an tig iad feadh na cruinne. “O, Ghràidh, bhitheamaid iomadh uair sè mìosan gun sealladh air fearann; gu sònruichte na’m bitheamaid a’ dol mu ’n cuairt na h-Adhairc. Dhèanamaid toileachadh mór na’m faiceamaid dùradan aig bun an speur, ged nach bu mhò e na mo dhòrn.” Stadadh Eóghann de dh’fhuineadh a’ bhonnaich, is dhùineadh e a dhòrn chruaidh, a leudachadh na sgeòil do Choinneach. “’Se gnothuch mór a th’ ann, a Ghràidh; ’s e gnothach mór a th’ ann na tha na seòladairean bochda a’ tighinn troimhe a thoirt dachaidh á tìrean céin gach seòrsa de bhathar coimheach a tha ’ga reic am bailtean mòra na dùthcha so. ’Se, Ghràidh, ’s e.” An sin thionndaidheadh e bonnach ris an teine agus bheireadh an teas air sgaile de bhois a thoirt air a ghlùin. “Chan eil fios aig feadhainn nach d’ fhàg an dùthaich riamh ciod is ciall do ’n t-saoghal. Chan eil, a Ghràidh; chan eil. [TD 116] Bhitheamaid air turusan glé olc dheth a thaobh bìdh is dibhe. Cha bhiodh againn ach briosgaidean cho cruaidh ’s gu’n gann a bhriseadh tu air innean gobhainn iad, ’s iad air fàs làn de dh’ fhìneagan. Bhiodh an fheòil air dol a dholaidh, cuideachd. Agus an t-uisge! Ged a bhiodh am pathadh ort ’s gann gun dùraiceadh tu òl. ’S gann, a Ghràidh; ’s gann. Bhiodh e dìreach na bu mhiosa na ’n t-uisge liath a chì thu ’sa pholl mhòna nuair a tha sìd thioram theth ann. Bhitheadh, a Ghràidh; bhitheadh.” Am feadh a bha Eóghann a’ liubhairt na h-eachdraidh, bha e eadar am bòrd ’s an teine, a’ fuineadh ’s a’ gréidheadh aig an aon àm, mar bhiodh na mnathan aig an tigh. Bha dòigh anabarrach thaitneach aige air naidheachd innseadh, is dhaingnicheadh e roinnean sònruichte le “bhitheadh, a Ghràidh; bhitheadh” no “bha, Ghràidh, bha” a réir an ni a bhiodh toil aige a dhaingneachadh. Ged a b’ann air druim a’ chuain a tha e, ’s an Rolbheirsion a null ’s a nall gu socrach leis an lunn, cha robh aig Coinneach air ach mar gu’m biodh e air chéilidh aig an tigh, agus naidheachdan Eóghainn a’ sàsuchadh ana-miannan a chridhe; agus b’ e sin eachdraidh a bhiodh air a breacadh le driodfhortain is fòirneart is cunnartan. Bha e de ghnè eutrom gu nàdurra, agus cha robh nì a chòrdadh ris cho math ri caithe-beatha shaor, fhuasgailte, far am biodh e mar am fiadh am frìth. “Chan ionnan a bhi seòladh thuiris, a Ghràidh, ’s a bhi seòladh eadar Mùsamull is Glascho. Chan ionnan, a Ghràidh; chan ionnan.” An sin sheasadh e a ràdh a’ chòrr le barrachd dùrachd. “’S iomadh uair a chunnaic mise mi a’ dùnadh mo shùl nuair a [TD 117] bhithinn a’ cur mo spàine a’m bheul aig tràth bìdh. Saoil nach robh sin dona gu leòir.” “Am biodh sibh, a nis, a’ faotainn droch stoirmean còrr uairean?” theireadh Coinneach. “Stoirmean, a Ghràidh! ’S ann ’sna h-àiteannan teth ud a bha na stoirmean; agus thig iad ort mar gu’n tigeadh iad á beul gunna mhóir. Tha seòrs ann ris an abair iad am Beurla daimhféin, agus nuair a chithear an iarmailt a’ dubhadh mu ’n tig i, thatar a’ tòiseachadh air sgioblachadh nan seòl; agus mu’m fàgar na crannagan, tha i air a’ cheud sgailc a thoirt; agus, math dh’fhaoidteadh, an long air ceannaibh a tobhtachan mar gu’m biodh ann bàta seileasdair air lòn am Mùsamull. Chunnaic mise, a Choinnich, uair no dhà gu’m b’ fhèarr na croinn a leigeal a bhàrr na cliathaich a chum gu’n tigeadh an soitheach air a druim. Cha bhiodh againnne, an uair ud, ach a bhi dol mar a chuireadh a’ ghaoth sinn. Ciod i do bharail air an sin?” “Tha sin uamhasach” arsa Coinneach. “Chan eil fios aig maraichean Mhùsamuill gu’n do rugadh iad.” “Maraichean Mhùsamuill! Chan eil, a Ghràidh; chan eil. Ach air uairean eile bhitheamaid air ar stobadh fad seachduin ann am fèath geal nan eun, agus an teas cho mór ’s gu’m biodh an teàrr a’ curacail anns a’ chlar-uachdair, cha bhitheamaid ach a’ falbh feadh an t- soithich casruisgte le sùil ri fionnachd, agus a’ dòrtadh bucaidean uisge air a’ chlàr-uachdair. Anns an oidhche, a rithis, b’ann air a’ chlar-uachdair a chaidleamaid. Ach neo-ar-thaing mur an robh sinn sunndach! Tha ’n cuan ud làn de ’n iasg sgiathach, agus bhiodh iad a’ tuiteam air a’ chlàr-uachdair ’nam ficheadan. Falbhaidh iad anns an adhar mar gu’m biodh sgaoth [TD 118] eun; ach chan itealaich iad fad idir. Thatar ag ràdh, aon uair ’s gu’n tiormaich an sgiathan gu’n tuit iad.” “’Seadh; seadh! Ma tà; ma tà!” arsa Coinneach, ’s na sgeulachdan a’ toirt air an fhuil a bhi breabadh ’na chuislean leis cho math ’s a bha iad a’ còrdadh ris. “Tha sin cho fìor ’s a tha Coinneach ort,” dh’abradh Eóghann. “Nach ann leam bu ghasda a bhi ’nam sheòladair” arsa Coinneach, ’s e turramanaich air an àite suidhe, ’s a làmhan glasta mu ghlùin. “Nach e duine a gheibheadh an sealladh air an t-saoghal!” “Gheibheadh, a Ghràidh; gheibheadh,” arsa Eóghann; “Ach chan eil aig an fhear a th’ aig muir ach beatha bhochd; beatha bhochd, a Ghràidh. ’S e ’n t- arm is còir dhuitse a leantainn. ’S anns an arm a bha do chuideachd riamh; agus bha iad ’nan còirnealan ’s ’nan seanalairean. Lean thusa an t-arm, a Ghràidh, is dean ainm duit féin mar a rinn do dhaoine.” “Nach b’ fhèarr dhuibh féin a bhi seòladh thairis fathast na bhi a’ plubail an cois a’ chladaich leis an Rolbheirsion?” arsa Coinneach. “Cha b’ fhèarr, a Ghràidh; cha b’ fhèarr. Tha mi a nis aig an tigh nuair a tha mi a’ fàs a suas am bliadhnachan. Ciod ’sam bith aìte am bi duine tha e daonnan an rùn a làithean deireannach a chur seachad aig an tigh. Bha mi riamh a’ cur romham, na’m bithinn beò, gu’n rachadh mo thìodhlacadh an ùir ’m athraichean am Mùsamull.” “Na’m biodh sibh beò!” arsa Coinneach le triotan gàire. [TD 119] “’Seadh, a Ghràidh; ’seadh,” arsa a Eóghann; “agus ged nach eil annam ach duine bochd féin, math dh’ fhaoidteadh, na’n deach mi do’n arm an àite dol gu muir, nach ruiginn a leas a bhi plubail an dòigh air bith. Seall cho math dheth ’s a tha na seann pheinsionairean aig an tigh. Gabh ealla riutha sin.” “Tha i air tighinn ’na glag fèath, Eóghainn. Tha coltas atharrachaidh oirre.” B’e a h- aon de na gillean a bh’ air bòrd a labhair bho dhorus an tuill-thoisich. Chaidh Eóghann is Coinneach a suas. Bha ’n Rolbheirsion air Ile fhàgail crioman math ’na déidh, agus i deanamh air a’ Mhaoil. Bha a cuid sheòl a’ clapadh ris a’ chrann aon taobh ’gan tigeadh àileadh gaoithe. Bha na h-èoin dhubha ’s na sgairbh a’ dol fodha ’s a’ tighinn an uachdar air gach taobh; ’s air uairean a’ sgiathalaich mu ’n cuairt mar gu’m biodh iad a’ cluich, ’s a’ deànamh toileachaidh ris an fheasgar bhrèagha. “Ciod e thig as an sud?” arsa fear eile, ’s e cocadh a chorraig ris na strìocan glasa a bha na neòil eutrom a’ deanamh anns an àirde-’n-iar. “Ma tà,” ars Eóghann, ’s e beachdachadh; “Chan abrainn nach cuir i as an sin e an nochd fathast. Seall mar a tha na sgairbh a’ dèanamh gaoith an iar,” agus thug e uine air sealltainn mar a bha na h-eòin ag éirigh ’nan suidhe air an earbuill ’s a clapadh an sgiathan, ’s an aghaidh air an àirde-’n-iar. “Chan eil mi ’g ràdh nach cuir” arsa h-aon de chàch; ’s bhiodh e cho math gun earbsa a chur a’ sròn na Maoile an nochd.” Bha Eóghann Mac Dhùghaill, is cutag phìoba ’na phluic, a [TD 120] làmhan am pòcannan na briogais, ’s e sealltainn fo na mùgan ’san airde-’n-iar. “Tha mi de ’n cheart bheachd,” ars esan; “agus ’s e nì sinn ar n-aghaidh a thoirt air Giogha, ’s an oidhche chur seachad ann. Is feàrr rathad fada glan na rathad goirid salach.” Thàinig fèathachan eutrom aig laighe gréine a thug gu Giogha iad, agus, anns a bhàgh bhòidheach far an robh na tighean gu seasgar os cionn a’ chladaich, chuireadh seachad an oidhche. Bha acarsaid mhath an Giogha, agus ri an-shìd bu tric a bhiodh smathagaichean as gach cèarn de ’n Ghàidhealtachd a’ dol fo dhìon innte. Bhiodh na sgiobaichean a’ dol air chéilidh air a chéile, no, math dh’fhaoidteadh, agus mar bu bhitheanta, a’ dol air tìr agus a’ dol air chéilidh feadh nan tighean. Thòisicheadh an sin na naidheachdan; gach fear ag ìnnseadh sgeòil air a cheann-dùthcha féin. Bu toileachadh mór do luchd-siubhal mara a bhi tachairt air a chéile mar so; agus, nuair a chìteadh seòl air cuan, bhitheadh iad a’ deanamh am mach có ’n seòl a bhiodh ann; oir bu tric a thachradh bàtaichean gach àite ’san Ghaidhealtachd air a chéile an caladh air choireiginn. “Saoil có tha ’n sud,” ars Eóghann Mac Dhùghaill, ’s e a’ sealltainn fo na mùgan, le suìl bhiorach an t-seòladair, air smathaig a bha deanamh air Giogha mar bha iad féin. “An abair thu rium nach i ’m Pearl, á Muile a th’ ann?” ars esan, ’s e leantainn. “Mà ta, chan eil mi ’g ràdh nach i” arsa Alasdair Ruadh, fear de ’n sgioba. “Chi mi gu’m bheil seòl-toisich gun chairteadh oirre, agus bha Gilleasbuig bàn ri seòl-toisich ùir a dheanamh dhith.” [TD 121] Thug Eóghann sùil an eòlais mu ’n cuairt na h-iarmailte. “Cha chreid mi,” ars esan, “Gu’m bheil dad mór ’sam bith oirre; ach co-dhiùbh, ma ’s e dol mu’n cuairt na Maoile e am màireach, tha mi toilichte fhaicinn gu’m bi cuideachd againn. “Ach stad ort,” ars Alasdair Ruadh. “Dé ’n geall a chuireas tu nach i ’n Ramalair a th’ ann? ’S e a cumadh tha ’n sin agus a seòl-meadhoin, cuideachd; agus ma tha i mar a b’ àbhaist dith, chaidh an Linne Tharsuinn tri uairean troimhpe cheana. Chunnaic mi ’sa Chrìonan an uiridh i; agus bha cho math dhuit criathar a chur gu muir rithe.” “’S annamh a chunna mi riamh air atharrach i” ars Eóghann. “Tha ’n Ramalair cho math air òl r’a maighstir. ’Bheil cuimhn’ agad an geamhradh a thug sinn sè seachduinean air ar reodhadh anns a’ Chrìonan. Cha robh Eachann Dubh ach ’ga calcadh le creadha ruaidh ’s le cóinteach, agus chosg e anns na siollachan na dheanadh deagh bhàta de ’n Ramalair.” “Tha cuimhn agam” ars Alasdair; “Sin an trò a dh’ ith iad ìm smiùraidh Fear na Coille agus min Dhòmhnuill mharsanta.” “U!” ars Eóghann; “’S iomadh uair a b’fheudar dhuinn sin a dheanamh air fad na’m bitheamaid fada ri port. Chunna mise sinn a’ dol do ’n dail bhuntàta le grapa an tuathanaich féin. ’S iomadh rud a dh’ fheumas maraichean a dheanamh an àm na h-éiginn. Saoil ciod e thàinig ri Peata Dhòmhnuill Bhàin, ach a thogail le te-éiginn a bha dol seachad.” Bha ’n còmhradh so a’ còrdadh ri Coinneach gu gasda, ’s e ’na sheasamh ’san deireadh còmhla ri càch; agus rinn e snodha-gàire [TD 122] nuair chual e iomradh air peata Dhòmhnuill Bhàin a thog a leithid de loneachairt am measg muinntir Mhùsamuill. Thachair gu’m b’ i ’n Ramalair a bha ’n so; agus thainig i féin ’s an Rolbheirsion gu acair taobh ri taobh an acarsaid Ghiogha. B’e ainmeannan Beurla, mar bu bhitheanta, a bh’ air smathagaichean na Gaidhealtachd; agus bha ’n sluagh féin a’ toirt blas na Gàidhlig orra. Cleas na Rolbheirsion féin, rinn iad Ramalair de Rambler. Chìthear bho na chaidh seachad an caithe-beatha bh’aig maraichean na h-àirde-’n-air nuair bhiodh iad air an turusan eadar a’ Ghaidhealtachd is Cluaidh. Co-dhiùbh bhiodh iad ri port an sud no ’n so, no air an stobadh am fèath air a’ chuan—agus thachradh an dà chuid gu tric—bha ’n ùine dol seachad gu sunndach aoibheil. Aig muir dheanteadh togradh ri seòl a chìteadh fad air falbh, is bhiodhteadh tomhas có ’n seòl a bhiodh ann. Am baile-puirt ri an- shìd chruinnicheadh iad an tuill-thoisich a chéile, ’s cha robh céilidh riamh bu toilichte an clachan no ’n gleann. Rachadh mór-thirich is eileanaich an lùib sgeul, is dh’ fhogluimeadh iad cleachdainnean is sgeòil bho chéile. Am muigh air cuan bhiodh a’ ghaoth a’ bùraich ’s a mhuir le tonnan muingeach gàireach a’ ránaich, is mar thairbh fhiadhaich ’gan spadadh féin air cladach nan sgor ’s nan glomhas, air nach robh fiamh roimh ’n teachd. Anns a’ bhàgh shàmhach, air a chuartachadh leis na cnuic mhaola a bha cur fasgaidh air, bha na smathagaichean a’ beadradh r’an acraichean ’s a’ deanamh am beic ris an lunn a thigeadh gu claoidhte sàraichte bho’n bhuirbe a bha am muigh, agus iad a’ falbh gu socrach fann a ghabhail air traìgh nan sligean ’sa mhuil. ’Nan tuill-thoisich bhiodh fir chruadha ri sgeòil ’s ri òrain ’s ri còmhradh. Bhiodh [TD 123] iad ’nan sìneadh gu seasgar anns na leapannan, agus cuid air na suidheachain; oir bhiodh a’ chéilidh a’ lìonadh gach oisinn de ’n bhrùgh bhig. Bhiodh fead aig a’ ghaoith am measg nam ball, bhiodh a’ chlach-mheallain a’ dannsadh air a’ chlar-uachdair, is gailleann ’san iarmailt; ach bhiodh am fàrdach-air-bhog gu seasgar blàth le teas na mòna ’s a’ chruisgein. Ma bha àmhghairean an cois na linn ud, bha toil-inntinn ’na cois, cuideachd; agus dh’ altrumaich i sluagh treun, is beusach, ’s measail. CAIB IV. Mar chaidh a ràdh bha Coinneach òg aon uair eile dlùth aig a leabhraichean. Bha, ach b’ ann greis. Dh’ fhàs a chuid litrichean na b’ ainnimhe ’s na b’ ainnimhe, gus, mu dheireadh, an do sguir iad air fad. Bha ’n seann sàr fo iomagain mu dheidhinn an ogha ris an robh duil aige a chum an t-sean chraobh-ghineil a ghleidheadh a freumhan an lios a shìlidh féin. Chaidh forfhais dhìcheallach a dheanamh; ach cha robh fios no fàth aig neach ciod i ’n chùil ’san deach Coinneach, no ciod e ’n taobh a thug e aghaidh, no ’n leum-taoibh a thug e. Mu dheireadh, fhuaradh a lòrg, agus dhearbhadh le cinnt gu’n d’fhalbh e roimh ’n chrann air luing á Grianaig. Chaidh e an luing dh’ America—do Chuibeig—agus an sin dh’ fhàg Coinneach agus caigeann eile i. ’Na dhéidh sin cha robh sgeul air a’ chomunn; ach bha’n naidheachd a fhuaradh diongmhalta; oir fhuaradh i o fhear de sgìoba an t- soithich nuair a thill i. Chaidh còrr agus fichead bliadhna seachad. Bha gach nì am Mùsamull a’ dol air an aghaidh mar bu ghnàth. Chaidh Coinneach [TD 124] óg air di-chuimhne, ach am measg na bha beò de ’n t- sean àl. Bha air am fàgail diubh sin na bha cumail snàth-riaghailt an eachdraidh Mhùsamuill. Bha Seumas Eachainn fathast a’ gleidheadh na sgoil-shàbaid ’s ag ìnnseadh do ’n chloinn mu Shamson ’s mu na Filipstinich. Nuair thigeadh ministear ùr gu ’n chomanachadh bhiodh Seònaid mhór ag ìnnseadh gu’n robh an ceann-teagaisg anns a’ Ghnocal no ’sna Coruinnianach. Bha Peigi bhàn air fàs sean, ’s i fuireach leatha féin ’san t- seann tigh. Cha d’ fhuair i a miann: litrichean a bhi tighinn gu ’n “Choirneal Chamshron.” Bha ’n cùbair an làthair fathast, cuideachd; ach bha ’n acfhuinn leis am biodh e a’ deanamh nan cnatachan ’s nam measraichean ’s nan cuach an làmhan fir eile; ach a dh’aindeoin sin, bha e cho àbhachdach ’s a bha e roimhe. Bha ’n Rolbheirsion a’ dol gu muir mar a bha i riamh; ach bha làmhan ùra ’ga seòladh. Cha robh Eóghann Mac Dhùghaill agus gach aon a bha beò de na sean mharaichean ach a’ dol mu’n cuairt, agus a’ bruidhinn air seann chuimhneachain. Bha càbhlach Mhùsamuill air fàs tana; agus móran diubh air dol ’nan clàir am bràigh a’ chladaich, far am biodh a’ chlann a’ cluich mu’n crannsaichean. Cha robh uair a thigeadh na seann laoich an rathad nach toireadh na seann chrannsaichean, seann driodfhortain ’na cuimhne; agus shuidheadh iad air creagan na tràghad a’ bruidhinn air na seann làithean ’s air na h-euchdan mòra a rinn iad. Bha nis iùbhrach ùr air teachd a reubadh a’ chuain, agus i a’ bagairt ùbhrach nan seòl a chur air chùil. B’e sin bàta na smùide. Cha robh muinntir Mhùsamuill a’ gabhail ris an inneil ùir idir; agus b’ ann le uamhas agus crathadh cheann a shealladh iad air a’ Mhaighdinn Lathurnaich, nuair a thigeadh i troimh’n chaol a’ maistreadh na [TD 125] fairge le a cuibhlean dearga, agus a’ spùtadh toite agus teine troimh ’n luidhear iarainn. “Coma leam i! Coma leam i!” theireadh an cùbair a cheud uair a chunnaic e ’n Mhaighdeann a’ tighinn troimh ’n Chaol. “Coma leam idir i, an creutair neo-chneasda, mhi-nàdurra a chuireas gu’n dùlain sruth is gaoth an Fhreasdail. Coma leam i! Coma leam i! ’S ann a shaoileas mi gur e cèardach Iain Ghobhainn a th’ innte, ’s i an déidh sgaoim a ghabhail.” Ach bha atharrachadh beachd aig na sean mharaichean air bàta na smùide. Chunnaic iad an Comet air Cluaidh, is thuig iad gu’m b’ i ìnnleachd aghartach a bha ’m bàta na smùide. Thàinig atharrachadh eile do Mhùsamull. Sguir an seann mhaighstir-sgoile air teagasg “Nabhigèiseon” mu’n d’thubhairt Peigi Bhàn e; agus dh’ fhàgadh an dreuchd sin aig fear eile. ’S iomadh bliadhna thug an sean mhaighstir sgoil a’ teagasg clann Mhùsamuill, agus ’s iomadh cèarn de ’n t-saoghal an d’ rinn cuid de a sgoilearan deagh bhuil de ’n ionnsachadh a fhuair iad fo na seann chabair a tha guilan nan sgrath ’s na trobhaidh a th’ air an t-seann tigh-sgoile. Ach thàinig atharrachadh a bu mhò na gin a chaidh ainmeachadh. Chaidh an seann sàr, Coinneach Camshron, do ’n chìll, far an robh athraichean ’nan laighe. Mu’n do shiubhail e chuir e ’n oighreachd fo chileadairean agus thug e àithne dhaibh gach rannsachadh is forrach a dheanamh a chum ’ogha, no a shliochd, fhaotainn am mach, ma bha iad ann, mu’n toirteadh an oighreachd seachad do ’n òganach a bu dlùithe do dh’ fhuil teaghlach Mhùsamuill. [TD 126] Chaidh rannsachadh a dheanamh feadh an t-saoghail; ach forfhais cha d’ fhuaradh air Coinneach òg. Re na h-ùine sin dh’éirich iomadh agarach a suas, agus gach fear a cumail am mach gu’m b’e ’n t-oighre. Bha cuid mhath diubh a bhuineadh do’n chraoibh-ghineil, is cuid a rinn craobh-ghineil dhaibh féin. Ach le dearbhadh math bho mhuinntir Mhùsamuill thagh na cileadairean an t-agarach ceart ma b’eadh ’s nach togadh an t-oighre dligheach ceann. Mu’n gabhadh an oighreachd a buileachadh air dh’ fheumteadh ceum sònruichte a ghabhail ’san lagh. Thàinig e, mu dheireadh cho dlùth do dh’oighreachd Mhùsamuill a bhi air a buileachadh air glùin eile de ’n chraoibh-ghineil ’s gu ’n deach “barail-bàis” a thoirt air Coinneach òg an tigh na Cùirte. An trì seachduinean bhiodh a’ “bharail” diongmhalta a réir lagh na rìoghachd. Ach gu h-iongantach leis an t-saoghal air fad, cho math ri muinntir Mhùsamuill, ’s ris na cileadairean, thainig an t-oighre dligheach air lóm. Bha ’n rud ’na annas mór, a chionn cha robh duine am beachd gu’n robh Coinneach òg an tìr nam beò o chionn iomadh bliadhna. Cha robh broilleach am Mùsamull anns nach robh cuspair ùr ’ga dheasbud. Cha robh céilidh nach b’e bu mhàthair-seanchais; agus ged a bha muinntir Mhùsamuill diombach á Coinneach òg a bhi cho neo-dhleasanach da sheanair, bha iad toilichte e a thilleadh; agus bha fadal mór orra gus am faiceadh iad an t- allaban. Rinn Coinneach e féin aithnichte do na cileadairean; ach cha ghabhadh iad ris gus an tugadh e dhaibh dearbhaidhean soilleir cothromach, a chum ’s gu’n gabhadh a chòir a tagradh air modh [TD 127] laghail, ’s gu’m biodh agartas air a deanamh diong-mhalta le lagh na rìoghachd. Anns an t-suidheachadh a bh’ ann cha robh ach an aon dòigh air an dearbhadh e gu’m b’e Coinneach òg, oighre dligheach Mhùsamuill. B’e sin e féin ’s an luchd-lagha a dhol an làthair muinntir Mhùsamuill, agus, an sin, eadar comharran-cuim agus eolas air rudan a dh’fhaodadh tachairt ’san eilean r’a linn, agus a rachadh aige air an cur an cuimhne a shean luchd-eòlais, chìteadh am b’e an t-oighre dligheach. Bha ’n t-agarach a dh’ éirich suas bho ’n ath- ghlùin de theaghlach Mhùsamuill a’ freiceadan na cùise gu geur-shuileach, geur chluasach, agus dh’ fheumadh gach nì a bhi cho coimhlionta ’s nach faigheadh an lagh am meang a bu lugha ann. Bha latha mór am Mùsamull an latha thàinig Coinneach ’s an luchd-lagha do’n Eilean. Choinnich sluagh mór aig a’ chladach iad, agus, a’ chuid bu mhotha, cha do rugadh iad nuair a dh’ fhalbh an t-allaban air slighe chlaon na h-amaideachd. Chuir na seann daoine air fad fàilte chridheil air; ach nuair a shealladh iad ’na aodann an àm a làmh a chrathadh chìteadh fiamh gàire na fàilte a’ mùchadh ’s a’ searg, nuair bhiodh iad a’ beachdachadh an t-eadar-dhealachadh mór a bha eadar an Coinneach a bh’ ann ’s an Coinneach air an robh iad eòlach ’na bhalach. Chaidh a’ Chùirt a ghleidheadh aig ceann tigh Peige bhàin. Fhuair Peigi féin, bho na b’ i a dh’ altrumaich Coinneach, a’ cheud chothrom air aithne a chur air a dalta. Thàinig i am mach am measg na cuideachd gu fàilidh, fiata. Bha a làmhan anns an t-suidheachadh an tric am faicear sean bhean an uair a chomh- [TD 128] chruinnicheas i a buadhan a chum beachdaireachd. Bha uileann na làimhe deise air bois na làimhe clì, ’s a meòir air a bilean. Rug Coinneach air làimh gu càirdeil oirre. “Ciod e mar tha sibh a Pheigi? Tha fios gu’n aithnich sibhse mi co-dhuìbh, a h-uile h-atharrachadh gu’n d’thug sìontan coimheach orm,” ars esan. Sheas Peigi m’a choinnimh, a làmhan mar a bha iad roimhe, sùil fhiar aic’ air, agus fiamh nàrach oirre, uiread agus ag ràdh gu’n robh teagamh aice ann. “Ma ta,” ars ise air a socair féin; Chan aithnichinn gu’m faca mi riamh sibh. Chan eil mìr de ’n aogasg oirbh a bha ur coltas ’nar balach a’ gealltainn. Chan eil sibh coltach ri duine de ’r daoine aon taobh ’gan d’ thainig sibh.” Cha do rinn Coinneach ach gàire ris an so. Bha seanairean an eilein a’ sràidimeachd am measg a chéile air an ais ’s air an aghaidh, ’s ag éisdeadh. “U! Ged tha, a Pheigi” ars an cùbair, “ged a chaill e aogasg a’ bhalaich nach fhaod e bhi glé choltach ri cuideiginn a bhuineadh dha nach faca thusa na sinne riamh?”; ’s rinn e triotan gàire. “Tha sin glé cheart” ars Eóghann Mac Dhùghaill. “’S iomadh atharrachadh a thig air duine fad fichead bliadhna. Tha e ’n dàra uair coltach ri cuideiginn a bhuineas da, agus, math dh’ fhaoidteadh, an ceann cóig bhadhna gu’m bithear ’ga choltachadh ri cuideiginn eile.” “Seadh dìreach” ars an cùbair, ’s e dol seachad air Eóghann anns an àm. “Nach tric a chualas na cailleachan a’ coltachadh [TD 129] duine a bhiodh ’na shìneadh air eislinn ri cuideiginn a bhuineadh dha ris nach do choltaicheadh riamh a nuair bha e beò.” Bha seanchas nam bodach cho aighearach ’s gu’n robh Coinneach agus an luchd-lagha an impis dol as an dromannan leis a’ ghàireachdaich. “Ach co-dhuìbh,” arsa fear de na h-uaislean ri Peigi, “am bheil cuimhn’ agaibh air comharra cinn ’sam bith a bhi air Coinneach òg?” “Tha” ars ise, “ma chì mi gu’m bheil pleàd odhar air cumadh bàrr duilleige sheilisdeir air a ghàirdein dheis—tha dùil a’m gur e ’n gàiredean deas—agus miann sùgh-craobh air a bhroilleach, creididh mi gur e Coinneach òg a th’ agam.” “’S gann a b’ urrainn na comharran sin a bhi air neach eile: tha iad cho annamh” ars ise, ’s i a’ sealltainn fiar anns an adhar; agus dh’ aithnichteadh air a h-aodann an strìth a bh’ oirre a chum tighinn gu cuimhne. “An aithnich sibh sin, a Pheigi?” arsa Coinneach ’s e a’ rùsgadh a ghàirdein. “Aithnichidh” arsa Peigi,” ’s a seann sùilean a’ blàiteachadh ris. “’S an aithnich sibh sin?” ars esan ’s e a’ leigeil ris a bhroillich. “Aithnichidh, a Ghaoil: miann sugh-craobh cnocan a’ Ghlinne. Is Coinneach òg leam a nis thu. Ach O! Cho beag coltais ’s a th’ aig ur n-aodann ribh féin.” Nuair a chunnacas so cha robh teagamh aig neach a bha ’n làthair nach b’e Coinneach òg a bh’ ann a dh’ aindeoin ’s cho eu-coltach ’s a bha a chruth ris. [TD 130] “Ach” arsa fear de ’n luchd-lagha a bha air taobh an agaraich air am bu chòir an oighreachd tighinn mur a tionndaidheadh Coinneach a suas. “Beireadh fear agaibh iomradh air rudeiginn sònruichte air am bu chòir fios a bhi aig Coinneach, gus am faicear ciod e ’n t-eòlas a th’ aige air nithean a thachair ’nur measg r’a linn féin.” “Ma ta,” ars Eòghann Mac Dhùghaill, “ged nach eil teagamh agam nach e Coinneach a th’ ann, foighnichidh mi féin deth ’có ’m bàta leis an d’ fhalbh e do Ghlascho an uair mu dheireadh a dh’ fhalbh e.” “Dh’ fhalbh mi leis an Rolbheirsion,” arsa Coinneach. “Ha hà!” ghair Eóghann; “an do ghleidh sibh cuimhne air a’ chéilidh a bh’ agam ’san toll-thoisich?” “Ghléidh” arsa Coinneach; “agus bha mi a’ cur suil-aithne oirbh cho luath ’s a chunnaic mi ’n diugh sibh; agus cuiridh mise, a nis, ceist oirbhse. Am bheil cuimhn’ agaibh an tarruing a thug sibh air reath maol Dhòmhnuill Bhàin?” “Ha hà!” ars Eóghann”; ’S math a tha. Cha do dhi-chuimhnich duin’ againn peata Dhòmhnuill Bhàin riamh.” “Seadh” arsa Coinneach; “ìnnsidh mise dhuibh, ma tà, rud mu dheidhinn a’ pheata nach robh fios agaibh riamh air. Bha sibhse uile a’ tagradh dhaoin’ eile gu’n do ghoid iad e; ach cha do ghoid duin’ e’ Mharbh mis’ e le tuiteamas. Loisg mi air, ’s e ’san dail bhuntàta, an dùil gu’m b’e coineanach a bh’ ann; agus thiodhlaic mi a chlosach.” “Ma tà; ma tà!” ars a h-uile duine a bha ’n làthair. Tha ’n sin rud nach robh fios againn riamh air.” [TD 131] Bha call a’ pheata ’na sheanchas mór ’san àm; oir bha a leithid de rud cho ainneamh anns an eilean. Chuir an t-iomradh a thug Coinneach air a’ chùis soilleireachadh ùr oirre. Chan e sin a mhàin; ach chuir e ’n gràinne mullaich air agartas féin. Ma bha teagamh aig duine nach b’e Conneach a bh’ ann, cha robh duine ann aig an robh teagamh a nis; agus bha’n rathad glan dìreach a chum a chòir air Mùsamull a bhi air a daingneachadh le lagh na rìoghachd. CAIB V. B’e Coinneach òg a bu chuspair am Mùsamull fad ùine. Ach air feasgar an latha air an robh e air beulaibh breitheamhan an eilein bha gach tigh air goil thairis le goileam. Cha robh ionghnadh ann; a chionn thachair ni a chuireadh annas air sluagh nach cho iomallach leth-oireach ri muinntir Mhùsamuill, agus a bha na bu chleachdte ri nithean annasach a thachairt ’nam measg. Nuair a sgaoil an comunn an latha ud, bha sean is òg mar gu’m biodh fadal orra a chum tachairt air a chéile ’san fheasgar a dheasbud ’s a bhruidhinn thall ’s a bhos mu’n chùis. Thachair na bodaich air a chéile fear an déidh fir an tigh a’ ghreusaiche; ach cha robh iad cruinn gus an d’ thàinig an cùbair. Bha ’n cùbair ’na dhuine cho da-rìreadh aighearach ’s ged nach biodh aig duine ach aon ghàire a bhiodh e a’ gleidheadh mu choinnimh àma sònruichte air choreiginn eile bheireadh an cùbair air an gàire sin féin a dheanamh. “’S eadh, a Nèill,” ars an greusaiche nuair a thàinig an cùbair steach, “tha uachdaran ùr gu bhi againn a nis: an Sàr Coinneach òg.” [TD 132] “Tha, gu dearbh” ars an cùbair; “’s cha robh dùil agam gu’m faicinn a leithid de rud na ’s mò na gu’m faicinn an Roblheirsion aig Eóghan Mac Dhùghaill a’ dol an aghaidh srutha is gaoithe gun stiall rithe, coltach ris a’ Mhaighdinn Lathurnaich.” “An dearbha, cha robh,” ars Eóghann. “Ach nach fhad o’n chuala tu an seanfhacal: ‘Bithidh dùil ri fear feachd; cha bhi ri fear feart.’ Ach na’n robh e caigeann eile de làithean air deireadh chan eil fios a’ m nach biodh a leòir r’a dheanamh aige a’ chòir a thagradh, agus nigh eile air a’ chrùn.” “Chan eil teagamh ann” ars an cùbair. “Dh’ fheumadh e breitheamhan a b’ àirde na breitheamhan Mhùsamuill a dh’ fhuasgladh nan snaim da. Droch fàs air; ’s ann a bha ’n gnothuch a bh’ againn an diugh a’ toirt a’m chuimhne a bhi aig fang a’ taghadh mo chuid chaorach féin á caoraich nan coimhearsnach.” “Ach dìreach nach robh comharra cluaise agad ri sealltainn air” ars Eóghann. “Ma tà,” ars an greusaiche; “Chan eil fios a’m nach e an comharra cluaise a dheanadh cobhair air air a’ cheann mu dheireadh mur bhi gu ’n do thachair e gu’n robh an fhianuis cho soilleir air a thaobh. Am bheil cuimhe’ agaibh air an sgaile a fhuair e cùl na cluaise air an tràigh-iomanach bho chaman Iain bhig—ged nach robh arach aig Iain bochd air. Ach dh’ fhàg e lag an cùl cluas Choinnich anns an laigheadh cudainn. Am bheil cuimhn’ agad air an sud? “Gu dearbh, tha” arsa na bha steach, á beòil a chéile. “An dearbha; thug thu ’n rud as mo bheul” arsa bean [TD 133] a’ ghreusaiche. “Nach robh Peigi bhàn ’ga eiridinn fad mìos ’na dhéidh. Fhuair e droch bhuille, theid mis an urras.” “Ma tà; tha sibh ceart. Tha cuimhn ’agam gu gasda air an lag a bha ’n cùl a chluaise; agus bu mhath an comharra sin féin air,” ars Eóghann. “Tha ’m barail gu’m b’ eadh” ars an cùbair; “ach bha de chomharran ’na chuideachd na rinn an gnothuch da. Ach stad ort, Eóghainn. Bho ’n is e duine falbhaideach fiosrach a th’ annad, an urrainn duit ìnnseadh dhuinn ciod e tha “barail bàis” a’ ciallachadh. Tha coltach gu’m bheil e ’na chleachdadh “barail bàis” a thoirt air oighre a bhios air chall; agus chaidh barail bàis a thoirt air Coinneach òg. Ciod e a tha sin a’ ciallachadh? Sheall Eóghann am mullach an tighe ’s e a’ suathadh a smigid le bhois mar neach a’ geur-smaointinn; agus an sin air a shocair féin ars esan: “Tha—seadh—mar gu’n abradh tu—dìreach—‘Barail bàis’.” “Seadh; seadh!” ars an cùbair, ’s gach duine bha stigh a’ gàireachdaich; “ach ciod e tha e a’ ciallachadh?” Aig an so có thàinig a’ plubail a steach ach an seann Mhaighstir sgoile. Nuair a shuidh e chaidh a’ cheist a chur ris. Thug am Maigstir sgoile brìgh nam facal seachad gu rongail. Thionndaidh an greusaiche féin air oir a dh’ éisdeachd, ’s an t-sreang-ròsaid leis an robh e a’ fuaigheal bonn bròige, ’na duail mu dhùirn. “Tha fios agaibh, nuair tha oighre air chall, ’s gun sgeul bhèo air ré cunntas bhliadhnachan, chan fhaodar an oighreachd a bhuileachadh air an agarach is mò còir, gus an toir an siorram ‘barail’ an cùirt lagha nach robh an t-oighre dligheach beò air [TD 134] latha sònraichte de mhìos sònraichte, agus de bhliadhna shònruichte. Uine shònraichte an déidh sin tha ’n t-agarach is motha còir air a chur an seilbh. Oir, a réir an lagha, tha ’n t-oighre dligheach marbh.” “Ach stad oirbh, a Mhaighstir sgoile,” ars an cùbair. “Nach faodadh an t-oighre dligheach an déidh a h-uile rud a bhi beò slàn an àiteiginn, mar a theabadh éirigh do Choinneach òg féin. Agus ciod e a dh’ éireadh am mach na ’n togadh e ceann an ceann bhliadhnachan?” “Dh’ fheumadh an lagh a’ chùis a réiteachadh a rithis, agus a’ chòir a bhuileachadh air,” ars am Maighstir sgoile. “Seadh; seadh!” ars an cùbair, ’s a h-uile duine bha stigh ag éisdeachd le ’m beòil ’s le ’n cluasan, ’s an greusaiche féin na shuidheadh fiar air an fhuirm, ’s a mhinidh ’na stad am bonn na bròige. “Dh’ fheumteadh an sin ’barail bheò’ a thoirt air; agus gus an tigeadh sin air nach faodadh e cron ’sam bith a thogradh e a dheanamh, ’s cha b’ urrainn an lagh corrag a chur air, a chionn bha e marbh. O, dhuine chridhe; dhuine chridhe! Nach e ’n t-amadan an lagh?” Agus rinn e féin glag mòr gàire, ’s e bualadh a dhà bhois chruaidh air a chéile. Bha ’n sean Mhaighstir-sgoile féin, is uchd air cromaig a bhata, ’s a ghuaillean air chrith, a’ triotan. “Ma tá,” ars Eóghann Mac Dhùghaill, “bha fios a’ m gur e rudeiginn mar a thuirt am Maighstir-sgoile a tha ‘barail bàis’ a’ ciallachadh; ach cha b’ urrainn mi cainnt a chur air.” “U! an sud agad nabhaigéisiln an lagha. Ha, hà! Tha nabhaigéision agadsa dhuit féin a sheòladh na Rolbheirsion [TD 135] gu sàbhailte eadar Mùsamull is Glascho; ’s chan urrainn duit aon fhacal cainnt a chur air an ealain mar a tha e ’sna leabhraichean.” Cha robh duine a stigh nach robh ’ga shnìomh féin leis a’ ghàireachdaich, leis cho éibhinn ’s a bha ’n cùbair air cho sean ’s gu’n robh e; ’s bha na bodaich eile, a chomh-impirean féin, a cheart cho cridheil ris an fheadhainn a b’ òige a bha stigh. An teis-meadhoin a’ chridhealais có a thàinig a steach ach Peigi bhàn, ’s i a’ sgiathalaich le a làmhan mar gu’m biodh i a’ gearradh rathaid dith féin, ged a bha ’n crùisgean glé dhreòsach air stob ’sa bhalla, làmh ris a’ ghreusaiche. Anns an tighinn a bh’ aice thàinig i tarsuinn air a’ Mhaighstir-sgoile, ’s e faisg air dorus na cadha. “Tuds!” ars ise; “An e Eóghann Mac Dhùghaill a th’agam an so?” “Ubh, ùbh, a Pheigi! Tha dùil a’m féin gu’m bheil dallta nan cearc ort ’san oidhche,” ars an cùbair. “Thigibh mar so, a Pheigi,” arsa bean a’ ghreusuiche, ’s i ’ga seòladh dh’ ionnsaigh cathrach. “Eudail is fheara!” arsa Peigi. “’S gann is léir dhòmhsa leus aon uair ’s gu’n tig an oidhche, mur bi mo bhrògan orm.” “Do bhrògan!” ars an greusaiche. “’S e speuclairean a bhios daoin’ eile cur orra. Ha hà!” “Mo speuclairean a b’ àill leam a ràdh, gun chiatamh ort,” arsa Peigi. “Ach ’s ann a dh’ iarraidh mo bhròg a thainig mi a steach.” “Tha cleas Mhàrtuinn a’ Ghlinne ort, a Pheigi. Nuair nach [TD 136] b’ urrainn da dol a tharruing na mòna dhomh a chionn gu’n do chaill a’ chruidh ghlas an dà each choisich. Ha, hà!” Ghàir a’ chuideachd a rithis nuair chual iad so, ’s iad uile cho eòlach air mar a bhiodh Màrtuinn a’ cur nam facal cas mu seach leis an t-sruladh bhruidhne a bhiodh air. Agus dh’ innis an sin an cùbair mar a thairg an clachair mór a bha togail nan gàraidhean ceithir tasdain ’san latha do Mhàrtuinn an àite trì nuair a bha e féin ’s an t-each glas a’ tarruing nan clach le càrn, agus mar a dhiùlt Màrtuinn e, a chionn na ’n cailleadh e dà latha oibre aig ceithir tasdain ’san latha, gu’n cailleadh e ochd tasdain, ’s aig tri tasdain, nach cailleadh e ach sè. “Saoil nach b’e ’n cunntair e!” ars an cùbair féin ’s a’ chuideachd air fad a’ lachanaich gus an robh iad dubh. Sguir an greusaiche de tharruing na sreinge gun an greim a theannachadh, is car ’na lethcheann ris a’ bhalla an trom smaointinn is cha b’ ann bu lugha a chaidh a’ ghàireachdaich nuair a thionndaidh e mu’n cuairt ’s a thubhairt e gu’n robh Màrtuinn, an dòigh, ceart, a chionn gu’n cailleadh esan a dhà uimhir air paidhir bhròg a bhiodh deich tasdain seach paidhir a bhiodh crùn mur a faigheadh e pàigheadh annta.” “Ma ta, Pheigi,” ars an cùbair, “fhuair sinn gàire air tàillibh do bhròg. Tha mi ’n dòchas nach d’ thug cion nam bròg air do shùilean breug a dheanamh duit an am breithneachaidh air comharran cuim Choinnich òig: an Sàr Coinneach mar a th’ ann a nis.” “U! Chan eil eagal da sin,” arsa Peigi, ’s i a’ cnagail a coise air an ùrlar an dòigh a bhiotar glé thric a’ daingneachadh neo-eismeileachd. [TD 137] “Ma ta, ghalad, chan eil fhios a’m idir nach do chuir thu Jacob an àite Esau—Japog mu ’n dubhairt Seumas Eachainn e.” “Ma rinn mo shùilean breugan dòmhsa, nach eil e coltach gu’n d’rinn ar cluasan breugan duibh féin,” ars a Peigi. “Ma ta,” ars Eóghann Mac Dhùghaill, “mur a bhi a chomharran a bhi ’na chuideachd, an dà chuid ’na chom ’s na chuimhne, cha ghabhainn idir ris.” “Ach cuimhnich thusa, Eóghainn, gu’m bheil còrr agus fichead bliadhna o ’n chunnaic thusa Coinneach òg,” ars an cùbair. A nis is iomadh atharrachadh a thig air duine ’san ùine sin. Na ’m bitheamaid ’ga fhaicinn daonnan cha chuireamaid umhail ’sam bith air; ach dar thig e ort a dh’ aon phlub, mar thuit an lànain air Iain Bheag an déidh a h-uile atharrachaidh a thainig air, tha e dìreach ’gad chur a’d bhlath-cheò, mar a rinn gobhar an tàilleir air Seònaid Mhóir an oidhche a thainig i a steach gun fhios dith, ’s a thug i purrag ’sa chruachan dith, ’s i ’na suidhe a’ càrdadh.” “Nach coma dhuinne co ris a tha e coltach; ma théid e r’a dhaoine, ni e uachdaran math,” ars an greusaiche, is aonach air a’ tarruing na sreinge. “Ach so rud a their mi: gur bochd nach d’ thug e barrachd toileachaidh da sheanair, ’s e cho moiteil uime.” “Tha sin mar sin,” arsa Peigi. “Ach dé bha ’n sin uile ach amaideachd na h-òige. Agus nach lìonmhor a sheòrsa, ’s a thàinig gu tùr is gliocas air a cheann mu dheireadh. Air an dol cheudna do Choinneach òg.” CAIB VI. Chaidh trì bliadhna thairis air cinn muinntir Mhùsamuill bho’n bha ’n chéilidh air an deach iomradh a thoirt ’sa chaibideil mu [TD 138] dheireadh, an tigh a’ ghreusaiche. Bha’n Sàr Coinneach òg Camshron mar mheangan ùr a’ snodhadh air craobh ghineil athraichean. Bha e gleidheadh na còrach, mar gu’m b’ eadh; ach ma bha, cha robh e a’ lìonadh aodach nan sonn a chaidh roimhe ’na bheantainn ris an t- sluagh. Cha robh e fada ’na uachdaran nuair a dh’ àrdaich e màl. Ré ùine thug e dachaidh bean òg. Beagan an déidh sin thog e am màl a rithis. An taobh a stigh de na trì bliadhna dh’ àrdaich e ’n treas uair e, gus an robh muinntir Mhùsamuill ion ’s air an togail iad féin. Cha robh feum a bhi gearan. Cha robh a chridhe aig duine a ràdh gu’m b’ olc, ach fulang ’san t- sàmhchair. Bha ’n t- slat ’s an t- srian an làmh na peucaig a bu mhnaoi do Choinneach; agus ce b’e air bith a’ bhàigh nàdurra a dh’ fhaodadh a bhi aigesan do ’n t-sluagh a chinn ’san aon lios r’a shìnnsearachd, ’s a bha fad cheudan bliadhna ’nam mèinn, cha robh bàigh idir aice-se. Bhatar a’ cur oirre gu’m b’i a bu choireach do ’n ain-tighearnas nach do chleachdadh riamh am Mùsamull roimhe. Thàinig atharrachadh air an t-sluagh féin. Cha robh uimhir toileachaidh aca ’nan obair lathail ’s a b’ àbhaist; oir is gann nach robh gach sgillinn a choisneadh iad gu saoithreachail a’ dol do threabhailt an uachdarain ùir g’a struidheadh am pròis ’s an rìomhadh air nach robh teaghlach Mhùsamuill eòlach aon linn g’ am buineadh iad. Cruinneachaidhean eireachdail an àm na seilg; fleadhachas air nach deanadh a choimeas am brugh rìoghail tàir, agus anns am biodh srann aig sìoda agus gliostradh aig daoimean; cluicheachd anns an robh sluagh Mhùsamuill fein a’ gabhail cuid, agus a bheireadh an cuimhne duine làithean fonnmhor na Féinne, no ’n uair a bhiodh famhairean a’ strìth le cabar ’s le cloich. Sin uile agus siubhal eachraidh air nach toireadh [TD 139] foireann Chu-Chulainn bàrr, nuair a bhiodh eich bheaga ghruileamach sgairteil a’ beadradh air na rathaidean móra, marcaichean deiseil uaibhreach a’ làimhseachadh shriantan grinne, is mill de chobhair ghil a’ falbh o bheul nan steud luaineach nuair theannaicheadh an cabsdar stàilinn air deud lag. Bha teachd-a-steach Mhùsamuill uile r’a fhaicinn an àilleachd lùchairt an uachdarain anns an dòigh am faicear sùgh is brìgh a’ ghàraidh uile an duilleagan na craoibh-dharaich ’s na luibhean is laige a’ seargadh. Air achadh buana, no air blàr-mòna no a’ togail a’ ghàraidh-droma, nuair bhiodh am bàrr ’san talamh b’e ’n teanntachd a thàinig ’nan luib a bu chùis- bhruidhne daibh. Cha robh toll ’s nach fheumteadh tumadh a thoirt a chum am màl nach robh riamh ’na dhragh dhaibh, a chruinneachadh. Ach bha muinntir Mhùsamuill treun, saoithreachail, is bheireadh iad an cuid á muir ’s á monadh. Bha ’n cuan mór a’ sgaoileadh mu ’n cuairt orra cho fad ’s a rachadh an sealladh; agus chuireadh iad le cosnadh nan lìon-móra, truisg is langaichean gu leòir, air an deagh liodairt, do mhargaidhean na Galldachd leis an Rolbheirsion ’s leis a h-uile smathaig a bha fathast air sàile. Agus na buanaichean! Cha robh foghar nach biodh muinntir Mhùsamuill, gach fear is bean, gach gille is nighean a thigeadh Mùsamuill as eugmhais, a’ falbh dh’ ionnsaigh an fhoghair gu Galldachd. A’ tòiseachadh an siorramachd Ionbhair-àir, leanadh iad rompa bho fhearann gu fearann, a réir mar a bha ’m foghar a’ teachd air aghaidh, ’s am bàrr ag abachadh anns gach àite, gus an ruigeadh iad an dùthaich mu’n cuairt Dhùnéideann. An sin bhiodh iad gu h- àbhachdach ri cleas-chorran is speal fhad’s bu [TD 140] là e, agus chuireadh iad seachad an oidhche gu àm cadail ri ceòl ’s ri dannsadh. Ma bha àmhghairean nach do chleachd iad aig an tigh aca, bha iad ’gan di-chuimhneachadh air machraichean na Galldachd, far an robh an ùine dol seachad le sunnd ’s le cridhealas gus an sineadh siad iad féin air na leapannan comhfhurtail, a bha oir ri oir air gach taobh de ’n t-sabhull mhór—taobh do na fir agus taobh do na mnathan. Thàinig cruaidh-chàs an rathad Mhàsamuill; ach mu’n dubhairt an cùbair e; “Na bithibh ag gearan idir, a chlann, fhad’s a leanas e leis an t-siosar ’gar rùsgadh; oir chan eil fios againn gu’m bheil sinn beò gus an toisich e leis an sgian-phinn air ar feannadh; agus mar leanas an ruith air an ruaig, leanaidh am feannadh an rùsgadh.” “Cha ghabhainn ìonghnadh” ars Eóghann Mac Dhùghaill. “Ach an toir sibhse an aire an tuairisgeul bhrèagha a tha ’n Sàr Coinneach a’ toirt air Canada.” “An Sàr Coinneach!” ars an cùbair. “Nach olc a fhreagras an t-urram air! Nach esan an t-srathair an àite na dìollaid, gu dearbh! An Sàr! Gu dearbh!” “Ach ’s e bha mi dol a ràdh,” ars Eóghann, ’s e leantainn; “Saoil sibhse am bheil e ’m beachd cartadh a dheanamh á Mùsamull. Cuiridh a’ pheucag ud rud ’sam bith ’na cheann; ’s ni esan, leis an t-sochair, rud sam bith a dh’ iarras i air.” “Cha mhillear math ri olc eatorra,” ars an cùbair. “Chan eil an t-uachdaran—am bheil fhios agaibh, a dhaoine, chan urrainn mi ‘Coinneach’ a ràdh ris: tha a ghiùlan cho neo-fhreagarrach ri ainm nan daoine còire—ach ’s e bha mi dol a ràdh nach eil an [TD 141] t-uachdaran an eisimeil neach air leth a thaobh comhairle, agus, gu sònruichte, droch chomhairle. Tha móran r’a iarraidh ’san uachdaran, ’s cha ghabhainn iongantas gad chìtheadh cuideiginn—ged, math dh’ fhaoidheadh, nach fhaic mise no sìbhs e—latha air nach cluinnteadh sgread aig cloich ri corran, no buille aig sùisde air ùrlar- bualaidh am Mùsamuill. An cluinn sibh sin?” “Fhuaras agad e,” ars Eóghann, “Chan eil an Sàr Coinn——” “Tuds! Coma leam am facal sin” ars an cùbair an dòigh a thug air a’ chuideachd a bhi gàireachduinn. “’S e bha mi dol a ràdh,” ars Eóghann, ’s e leantuinn, “nach eil e cumail taobh math idir ris an té a dh’ altruim e ’na leanabh. Nach eil sin féin a’ leigeil fhaicinn cho neo-ghnètheil ’s a tha e?” “Tha,” ars an cùbair, “agus a h-uile car eile tha e cur dheth. Cha deach a thogail am Mùsamull an aon ùine a bha a ’nar measg-ne no fo rian a chuideachd. Cha robh aige ach caithe-beatha riasgail an Canada am measg a h-uile seòrsa dhaoine nach robh aig a’ chuid bu mhotha dhiubh ach cosg mar a gheibh agus gheibh mar a dh’ fhóghnas. Ged nach biodh anns an sporan ach an dà bhonn odhar tachraidh iad air a chéile; agus faodaidh tu a bhi cinnteach ma bha bonn odhar an Canada gu’n tachaireadh an t-uachdaran air—chan abair mi ‘Coinneach’ ris.” “Ach nach neònach leatsa, ged tha, nach biodh suaip air choireiginn aige r’a dhaoine,” ars Eóghann Mac Dhùghaill. Cha d’ dubhairt an cùbair dad car tacain, ach a’ feitheamh a sìos an tràigh far an robh an tuinne a’ teachd a steach le caitean bòidheach an lìonaidh, ’s a’ ghainmheach mhìn a’ snàmh air uachdar an uisge. “An cluinn thusa so, Eóghainn?” ars an cùbair. “Tha gnè [TD 142] is giùlan duine a réir na laipheid anns an do thogadh e. Sin mar a dh’ éirich do ’n uachdaran; agus, mu’n dubhairt an seanair e, an car a théid ’san t-seana mhaide, bidh e doirbh a thoirt as. Na’m biodh stiùradh math air an uachdaran le deagh mhnaoi bhiodh a’ chùis mar nach b’ olc; ach tha iad le chéile a’ dol os cionn an gabhalach. Tha e cheana a’ dol eadar am bogha ’s an t-sreing dhaibh luchairt na h-irisleachd, mar a bu dual di uaireiginn, a chumail suas an rian na pròis ’s an uabhair. Agus có tha fulang a thaobh sin ach mise is thusa ’s ar seòrsa? Tha ’n teas a tha ’n grìosach a’ chidsein a’ ruigheachd a h- uile tigh am Mùsamull, gus an cuir e mach air na dorsan sinn. Sin agaibh, a chuideachd, mar tha.” Bha ’n cùbair a’ sràidimeachd air ais ’s air aghaidh am feadh a bha e a’ tighinn am mach leis a’ choranach so. Bha càch, cuid ’nan suidhe ’s cuid ’nan sìneadh air a’ mhuran a bha gréiseadh nam bruach os cionn na tràghad, ag éisdeachd gu socrach, sàmhach. B’ iad seanairean an eilein, ’s iad air fàs crom aosda, agus bha iad an sud, mun dubhairt na seann sgaulachdan e, air cùl gaoithe ’s ri aodann gréine, a’ gabhail tlachd ann a bhi coinneachadh a chéile, far an robh crannsaichean nan iùbhraichean a bha aon uair mar chuid de Mhùsamull, mar a tha an sluagh féin, no eadhon na cnuic ’s na machraichean a’ cnàmh air an tràigh. Ionnan ’s iad féin, bha iad a’ sìoladh as, agus bha a bhi sealltainn orra a’ toirt làithean a dh’ aom ’nan cuimhne. A nis, agus cas air chalpa ri sean aois, thainig atharrachadh air eilean an gràidh a bha toirt orra a bhi caoidh na sean aimsire air alt ’s gu ’n robh an cùbair féin a b’ àbhaist a bhi cho aighearach sunndach, air dol còrr uairean fo fhràmh, agus air mùchadh mar sholus a’ chrùisgein nuair tha ’n t-ùilleadh air cosg. [TD 143] Bha Eóghann Mac Dhùghaill ’na shìneadh ag éisdeachd ris a’ chùbair, a làmhan paisgte fo cheann, ’s e cagnadh sop murain. Nuair a sguir an cùbair dh’ éirich Eóghann ’na shuidhe, ’s le làmhan paisgte m’a ghlùinean, ars esan ’s e leantuinn a’ chòmhraidh, “Glé choltach; glé choltach. Ach cha lean an sionnach air a shìor-ruith: bithidh e sgìth dheth uaireiginn. Agus cha chreid mise, ma leudaicheas sinn a’ chùis do ’n uachdaran—bho nach faod mi ‘Coinneach’ a ràdh—gu colgarra, dùlanach, nach tig e gu làimh. ’S e geinn deth féin a sgoltas an darach.” “’S e” ars an cùbair. “Ach ’s tric a thig faillinn ’sa gheinn féin an toiseach; agus do ar leithidmide a dhol an gruaig an uachdarain mar gu’m b’eadh, cha bhiodh ann ach mireag a’ mheasain ris a’ mhìolchu.” CAIB VII. Beagan ùine an déidh na chaidh a ràdh anns a’ chaibideil mu dheireadh thainig am foghar. ’Na chois thachair rud a thug cuspair-còmhraidh eile do Mhuinntir Mhùsamuill. Bha sùil daonnan ris an deireadh fhoghair am Mùsamull. Chan ann a mhàin a chionn ’s gu’m biodh oidhcheannan sùrdail ’gan gleidheadh an sud ’s an so air feadh an eilein aig deireadh bhuana, ach gu’m biodh na buanaichean a’ tighinn dachaidh. Bha tighinn dachaidh nam buanaichean ag ath-bheothachadh nan eileanach. Bha e ’g ath-bheothachadh am mac-meanmna ’s ag ath-nuadhachadh am buadhan; oir bha e ’na ùrachadh dhaibh uimhir de ’n cuideachd a bhi tilleadh dachaidh còmhla leis gach naidheachd ùr a bheireadh iad á Galldachd, agus gach rìomhadh a cheannaicheadh iad anns na bailtean móra mu dheas. Bhiodh [TD 144] daonnan cosnaidhean a’ tighinn a chur seachad a’ gheamhraidh aig an tigh; agus, math dh’ fhaoidteadh gu’m biodh coigreach ’nan cuideachd a’ gabhail cuairt air feadh na dùthcha, a chur seachad greis ag iasgach ’s a’ sealgaireachd. Nuair thachaireadh muinntir Mhùsamuill an tigh-na-ceilidh, no ’sa cheardaich, no’n uair a chruinnicheadh iad aig ceann tighe, nuair a chuireadh latha fliuch grabadh am buain no an cròthadh—an seòrsa latha foghair mu’n abaireadh iad o shean: “Mur dean i latha-buana ni i latha buain nan cnò,” bhiodh iad ri beachdaireachd air an àm a dh’ fhàgadh na buanaichean agus cuin a ruigeadh iad Mùsamull. Thachair a’ cheart nì an uair so. Am feadh a bha iadsan a’ deasbaireachd aig ceann tigh Peigi bhàin, math dh’ fhaoidteadh, bho’n a bha e faisg air ceann gach rathaid, bha dà smathaig bhig a’ cur mu réir an long-lann shàmhach Ghrianaig. A nuas am baile bha grunnan an sud, ’s grunnan an so dh’ fhir ’s de mhnathan a’ deanamh air an làimhrig. Bha eallaichean air cuid is ultaichean aig cuid. Dh’ aithnichteadh air curraicean nam ban ’s air clò nam fear gu’m bu Ghàidheil iad. Ach cha robh sin ’na ìonghnadh ’sam bith do mhuinntir Ghrianaig a shìolaidh gu mór bho na beanntan móra gorma a bha ’g éirigh ga binneanach ris na neòil air taobh thall Chluaidh. Buidheann an déidh buidhne, ràinig iad an longlann, a’ dol air bòrd nam bàtaichean le sùrd ’s le gàire ’s le làn-aighear. Bha uallaichean ’gan sgioblachadh is àiteannan suidhe ’gan deasachadh air feadh nan iùbhrach, is chluinnteadh fonn òrain an sud ’s an so. Thàinig a’ bhuidheann mu dheireadh air bòrd. Thòisicheadh air réiteachadh nan seòl, Chaidh na buill a thoirt air bòrd, ’s bha ’n chàbhlach deas a chum dol am mach do dh’fharsuingeachd na h-aibhne. Ach a nuas an ceatha bha fear a’ tighinn ’na fhuil ’s na fhallus. Bha màilleid [TD 145] bhuidhe aige, ’s e ga h-atharrachadh bho làimh gu laimh, ’s a’ suathadh a ghnùise leis an làimh a bha ’n déidh faotainn mu sgaoil. Bha a bhrògan, is osain na briogais, buidhe le criadh an rathaid, agus ag ìnnseadh gu ’n do choisich e astar math an latha ud. Ràinig e ’n laimhrig. Bha sùil gach aoin a bh’ air bòrd nan smathaichean air a’ choigreach a bh’ air a dheagh chur uime. A’ leigeil às na màilleid ’s e a’ suathadh an fhalluis a bhàrr a bhathais, ghlaodh e: “Am bheil aon de na h-eathraichean sin a’ dol do Mhùsamull?” “Tha iad a’ dol ann le chéile,” fhreagair Seumas an Fhàine, ’s e ’na sheasamh an deireadh na Siaraich. “Bhithinn ’nar comain na’n toireadh sibh an t-aiseag dhomh,” ars an coigreach. “Suarach oirnn sin” arsa Seumas, ’s e a’ brodadh cutag phìoba leis a’ phrìne bhuidhe a bha ’n crochadh rithe. “Chan annamh leinn triallair a bhi ’nar cuideachd a’ dol mu thuath. Thigibh air bòrd.” Thàinig an coigreach air bòrd na Siaraich, ’s na fir ’s na mnathan anns gach bàta a’ sealltainn ’s a’ cagartaich ri chéile feuch có bhiodh ann, no ce as a thàinig e, is ciod ainm a bh’ air no ciod e bha ’ga thoirt do Mhùsamull: ceistean a bha nàdurra a dh’ éireadh suas am broillichean sluaigh a bh’ air an togail an àiteannan iomallach, far am biodh e ’na annas leotha gnùis nach b’ aithne dhaibh a thighinn nam measg. Chaidh dòirneagan nan ràmh a chur ris a’ cheatha, ’s chaidh na bàtaichean a phutadh am mach as an long-lainn. Bha gliogail aig ulaidean is chluinnteadh “Hì-o-ho” nam fear fad air astar an àm cur suas nan seòl ruadha. [TD 146] Bha grian bhuidhe an deireadh-fhoghair a’ siaradh, is gaoth an fheasgair air teannachadh bho’n àirde ’n ear, ’s a’ tighinn a nuas an abhainn gu geur glan. Air teachd am mach as an long-lainn chaidh ailm an crois is thug gach iùbhrach le ’n triallairean àbhachdach a h-aghaidh air farsuinneachd, le crònan siùbhlach, is sgòid am mach. “Cha robh ann ach dìreach gu’n do rug sibh oirnn, a charaid. Tha fios gu’n d’ thug sibh a’ choiseachd sgonn math á Grianaig!” arsa Seumas an Fhàine nuair a fhuair se e féin air a shocrachadh aig an stiùir ’s an ailm chròm ’na achlais. “Ma tha, thug,” ars an coigreach. “Thàinig mi air an turus-sa á Glascho. Cha charaid an sin rium gu’m biodh na h-eathraichean so a’ seòladh an duigh, agus gu’m bithinn di-beathte faotainn leotha na’m beirinn orra. Agus tha mi toilichte bhi an àm.” “Ach, gabhaibh mo leisgeul, a charaid; c’ àite ’n d’ ionnsuich sibh a’ Ghàidhlig? Cha b’ ann am Mùsamull, co-dhiùbh, tha mi faicinn,” arsa Seumas. “Tà! Dh’ ionnsuich mi ’n caochladh àiteannan i; ach dh’ ionnsuich mi ’n trian bu mhotha dhith an Canada” ars an coigreach. “An Canada!” arsa Seumas. “Nach neònach sin! ’S i chainnt thuathach a th’ agaibh; co-dhiubh, is motha th’agaibh cainnt Leòdhais.” “Ceamar tha sibh ag aithneachadh sin?” ars an coigreach “Tha air na facail. Chan abair sinne an Erra-ghaidheal [TD 147] ‘can’ no ‘eathar’ no ‘di-beathte’ idir. Buinidh na facail sin do ’n Taobh-tuath,” arsa Seumas. “Ta!” ars an coigreach; “Tha sin iongantach, cuideachd. Chuir mi a’ chuid bu mhotha de m’ bheatha seachad am measg Laòdhasach an Canada, le ‘Comunn nam Bian’ an Hudson Bay. ’S iad Leòdhasaich is motha tha ’n seirbhis a’ Chomuinn, agus is dòcha gur ann mar sin a thog mi a’ Ghaidhlig thuathach, ged is ann a dh’ fhuil Earra-ghaidheal a tha mi féin.” Bha na bh’ air bòrd, eadar fir is mnathan ag éisdeachd gu dùrachdach ris a’ chomhradh, is annas mór aca do ’n choigreach. Cha robh a h- aon diubh nach robh cuid de chuideachd an Canada, agus bha blàths mór aca ris an dùthaich ùir. A bhàrr air an sin bha e ’na ìonghnadh leotha cànain an dùthcha féin a bhi cho reachdmhor cumanta an dùthaich chéin fada thall air cùl a’ chuain mhóir. “Ma ta, Ghràidh, tha ur n-eachdraidh a’ còrdadh ruinn gu gasda” arsa Seumas. “Am bi e mìomhail domh, a nis, fharraid dibh ciod ainm a th’ orbh?” Cha d’ rinn an coigreach ach a cheann a chromadh agus snodha beag gàire a dheanamh. Chual e iomadh uair cho farraideach ’s a tha muinntir eileanan iomallach na Gàidhealtachd nuair a thigeadh coigreach ’nam measg, agus ’se thug gàire air e féin a thighinn uchd ri uchd ris an fhàgail a bh’ aca. Thuig e aig an àm cheudna nach b’ ann bho dhroch thogail no bho aineolas air dòigh air bith a dh’ éirich an fhàgail, ach bho rùn eòlas is fiosrachadh fhaotainn air cor an t-saoghail taobh am mach de ’n crìochan cumhang féin. Thug e fainear, cuideachd, gu’n robh coibhneas is tlusaileachd is nàdur blàth bog- chridheach, ’nam peathraichean ’s ’nam bràithrean, [TD 148] do’n fhàgail a bha ’n uchdan cho beusach seirceil. Le faireachduinn ris a ghné nàdurra sin fhreagair an coigreach gu sìobhalta: “Cha bhi. Tha orm Coinneach: Coinneach Camshron.” Cha robh duine air bòrd a’ bhàta nach do ghluais air a shuidheachan nuair chual iad so, ’s iad a’ sealltainn air a chéile le fiamh gàire. “Ma ta, ’s e ainm annasach leinne tha ’n ‘Coinneach Camshron.’ ’S e ainm an uachdarain againn e,” arsa Seumas, “Agus gu dearbh féin ’s e nach eil ’ga mholadh a thaobh na dòigh a thàinig e air. Chan eil fios a’m nach buin sibh féin do’n uachdaran?” “Cha bhuin,” arsa Coinneach—o’n is e dh’ fheumar a thoirt air a’ choigreach tuilleadh. “Chan fhiosrach mi gu’m bheil boinne de m’ fhuil ann, ce b’ air bith ciod e mar tha mi thaobh mo chuid de mhuinntir Mhùsamuill.” “Chan eil fios nach buin sibh féin do ’n eilean” arsa Seumas, ’s a’ chuideachd uile air fàs bior chluasach, feuch an aithnicheadh iad an robh càirdeas eadar Coinneach ’s iad féin o’n bha mòran de ’n cuideachd an Canada. “Tha mi creidsinn gu’m buin” arsa Coinneach; “Ach ’s aithne dhomh cus de mhuinntir na dùthcha air fad an Canada.” Bha cuid de ’n chuideachd a’ meòmhrachadh gu’n robh Coinneach duilich a tharruing, ’s gu’n robh e a’ cur sgleò air na freagairtean a bha e a’ toirt seachad. Thòisich am feasgar air ciaradh ’s air fàs fuar, is thòisich a’ chuideachd air iad féin a chrupadh r’ a’ chéile. Thòisich sgeulachdan is òrain a chur seachad na h-ùine, ’s an dà bhàta [TD 149] a’ cumail an astar goireasach dà chéile. Bha iad a’ deanamh astair maith, ’s a’ cur Chluaidh as an déidh glé sgiobalta. Bha Coinneach a’ gabhail beachd sònruichte air an dùthaich air gach làimh dheth, far an robh Cluaidh a’ sgaradh na Gaidhealtachd bho’n Ghalldachd. Air an dàra làimh bha fearann ìosal gorm. Air an làimh eile bha sléibhtean móra, le ’m bruthaichean cas coillteach a’ criochnachadh ’nam binneanan biorach a glasa air an robh neòil thorma na h-oidhche fhoghair ’gan acrachadh féin. Bha glinn dhòrcha nuagach, is coireachan farsuing, abhainneach ’gan snìomh féin mu bhun nam beann; agus bha nàdur féin a’ nochdadh a mhìorbhuilean oirdhearc san dealbh anns an robh oillt is àilleachd a’ tuiteam le gràdh air muineil a chéile. Ach thuit an oidhche, is chuir a sgiathan sgàil air an t- sealladh. Cha robh an t-Siarach ach mar gu’m biodh frìd aìr druim cuain ’s an dòrcha a’ deanamh cearcaill mu’n cuairt oirre. Dh’fhàs cinn na cuideachd tròm. Dh’fhàs an cridhealas fann, ’s bha’n t-sàmhchair a thig roimh’n chadal air móran de’n chomunn, ’s an deidh an aoraidh a bha riamh na chleachdadh eadhon air druim a’ chuain mar so, chaidh iad uile gu fois ach dithis fhear freicheadain. CAIB VIII. Bha feasgar boidheach ann ’n uair a ràinig an dà bhàta Mùsamull an lar-na-mhàireach. Mar bu dual bha’n t-eilean air a chladach rompa. Cha robh duine dhiubh nach robh iarraidh an té de na smathagaichean, agus bha fiughair mhór riubha, oir b’e tilleadh nam buanaichean aon latha de làithean Mhùsamuill. Ach ciod e mu’n choigreach? Cha robh ’s a’ chomunn a [TD 150] fhuair fàilte na b’ aoibhaile. Chan e sin a mhàin, ach bhatar ’g a thoirt bho chèile a chum aoidheachd. B’e a bheatha ’s a chuid, da cheann gach tighe am Mùsamull, ach b’e tigh Eoghainn mhic Dhùghaill a fhuair an t-urram. Fad na ceud sheachduin bha Coinneach Camshron ri sealg ’s ri iasgach, ’s a’ taghal anns gach tigh am Mùsamull. Theireadh cuid gu’n robh e an dòigh, dùinte; ach gheibheadh iad àile naidheachdan taitneach air Canada, air cor an càirdean an tìr nan coilltean dòmhail, air an gnè oibre gach àm de’n bhliadhna, air a’ mhodh thuathanachais a bha iad a’ cleachdadh, ’s air sealg nam fiadh-bheathach, an dreuchd a chleachd Coinneach féin. Bha ’n oidhche aig an àm so ’n bhliadhna air fàs fada, ’s cha robh tigh am biodh Coinneach nach biodh a’ cur am mach air an dorus le luchd-céilidh. Bha a naidheachdan cho annasach, ’s an t-eòlas a bha iad a’ faotainn air an dùthaich ùir an robh dachaidhean mòran a b’ aithne dhaibh, ’s bho nach robh ach sgeul ainneamh a’ tighinn cho taitneach ’s nach iarradh iad crìoch a thighinn air an oidhche idir. Air uairean ghabhadh an coigreach sgrìob leis féin air feadh nan cnoc. Air uairean eile ghabhadh e sràid fhada air an rathad mhór a bha dol troimh ’n eilean. Aon latha air an t-sràid mhóir sin thionndaidh e air an rathad a bha dol a dh’ ionnsaigh lùchairt bhriagha an uachdarain. Chaidh e troimh ’n gheata is lean e air a shocair féin an ceum gruinealach mìn a bha dol dh’ ionnsaigh an doruis mhóir. Air gach taobh dheth bha craobhan móra garbha, a chuir ceudan bliadhna ’nan déidh, a’ sgaoileadh am mach an geugan meanglanach, loma, agus a’ dùnadh r ’a chéile os a chionn. Ràinig e ’n dorus. Tharruinng e ’n clag. Dh’fhosgail òganach an [TD 151] éideadh grinn putanach an dorus. Dh’ iarr e ’n Sàr Coinneach Camshron fhaicinn. Chaidh a thoirt a steach do sheòmar rìomhach. An ceann greis thàinig an Sàr a steach. Sheas an dithis air an ùrlar mu choinnimh a chéile gun ghuth a ràdh. Bha ’n Sàr Coinneach mar gu’m biodh e air reodhadh air a chasan. Bha dhà shuil a’ dèarrsadh ’na cheann, sgreing an uilc ’na aodann is fhiaclan geala a’ gliostradh eadar a bhilean. Bha e mar nach biodh fios aige ciod e ’n craiceann a bu chòir d’a chur air; co-dhiùbh a labhradh e sìobhalta no gu fuar uaibhreach. Ach bha ’m fiamh neo-eismeileach a bha ’n aodann a’ choigrich ’ga ghrinneachadh, agus comas an dìolaidh cho soilleir dha ’s nach b’ urrainn d’a a dhùrachd a cheiltinn’ Mu dheireadh labhair Coinneach: “Tha thu ’n so, a chealgair, agus a mhealltair. Shaoil thu gu’n do chuir thu as dòmhsa, agus le d’ thratan ’s le d’ ìnnleachdan, nach robh agad ach suidhe a sìos gu socrach an lùchairt m’ athraichean leis a’ cheilg ’s leis an t-slaightireachd. Ach tha mise beò fathast; agus cho cinnteach ’s is e Iain Stiubhart t’ainm, leigidh mise fhaicinn duit gu ’m faigh thu duais na cealgaireachd.” Shìolaidh an Sàr Coinneach a siòs beagan, agus mar gu’n smaointicheadh e gu’m b’ fhèarr àicheadh math na droch phàigheadh, fhreagair e gu sìobhalta stuama—ged nach robh sin a’ cur sgleò air a cheilg. “Bhithinn toilichte,” ars esan, “na’m biodh fios a ’m có tha bruidhinn ruim, no ciod e tha thu ciallachadh?” “Mu ’n tig am muir-làn dà uair eile air an tràigh ud shìos, bidh fios agad an dà chuid có tha bruidhinn, agus ciod e tha e [TD 152] ciallachadh; ’S eadh; o’n tha do chuimhne cho dona” ars an coigreach. “Bidh mi ’nad chomaine ma théid thu mach,” ars an Sàr Coinneach. “Théid mi mach” ars an coigreach; “ach ’s ann air mo dhorus féin, gus an toir an lagh, a leig leatsa tuiteam air do chasan cho socrach air m’ ùrlar-sa, do dhà chois bhuait. Chan fhada chuige sin, tuilleadh, agus gus an sin, beannachd leat.” Leis an sin a ràdh thionndaidh Coinneach òg Camshron—on a dh’ fhaodar a leigeil a thuigsinn a nis gur e bh’ ann—air a shàil agus dh’ fhalbh e. Cha robh fios aig an uachdaran ciod i ’n làmh air an tionndaidheadh e. Thàinig an t-oighre dligheach eadar e ’s an oighreachd a choisinn e leis a’ cheilg, mar gu’n tuiteadh beithir á speur gorm, gun uimhir is leud na boise de neul, eadhon air a’ chuid a b’isle dheth. Bha e eadar dà “theme-Bhéil,” mu’n d’thubhairt iad e. Cha b’e a cheud uair a bha e an sin; ach an uair so bha ’n chùis na bu mhiosa. Bha e an uair so an inmhe ’na b’ àirde na bha e riamh, agus air a’ mhodh cheudna bhiodh a thuiteam na bu mhotha, cuideachd. Ach, co-dhiùbh, chuir e roimhe a dhruim a chur ris a’ chreig gus an tigeadh latha na foghaid, luath no mall gu’n tigeadh e. Thàinig e, cuideachd; ach cha b’ ann mall. Shocraich Coinneach a’ chùis an Dun-éideann iomadh latha mu ’n d’ thàinig e do Mhùsamull. A chum barrachd ìonghnaidh a chur air a sheann chàirdean ’s a luchd-eòlais aig àm sònruichte, cha do leig se e féin riamh ris daibh. Eadhon an déidh dorus a’ phrìosain a nochdadh [TD 153] do ’n uachdaran cha do ghabh e dad air. Ach an ceann beagan làithean thogadh am brat. Thàinig luchd-lagha is earraidean air tìr am Mùsamull. Chaidh na seanairean a ghairm còmhla aon uair eile, agus thòisich an rùsgadh. Cha robh fios aig muinntir Mhùsamuill fo ’n ghréin ciod a bha ’n cruinneachadh a’ ciallachadh. Bha ’n t- uachdaran an làthair, cuideachd; ach air cho ladurna ’s gu’n robh a ghiùlan, bha e a’ fàilneachadh air an cùram a bha ’na chliabh a chleith. Chaidh a losgadh le càl teth uair no dhà roimhe; ach bha ’n cheilg bu mhotha rinn e riamh an impis a leigeil am follais a nis, an làthair nan tuath a mhìobhaigh e, an làthair a’ mhnath a mheall e, agus an làthair an uaislean measail g’ an d’ thug e nàire. A chur soilleireachadh air a’ chuis a nis, faodar a ràdh gu’m b’ann air Canada a thug Coinneach aghaidh ’n uair a thug e a chùl ri Mùsamull ’s r’a chàirdean. An sin thachair fear, Iain Stiubhart air. Bha Iain Stiubhart ’s an àm an déidh cóig bliadhna prìosain a chur seachad air son airgiod a thogail le feall-sgriobhadh. Thuig e ’s a’ mhionaid co a bh’aige ann an Coinneach agus rinn e buil mhath de’ dh’ eolas air Mùsamull ’s air a shluagh. Dheòghail e gach ni a b’urrainn e á Coinneach bochd anamhrasach, agus ’n uair a thàinig a’ chluip gu abachadh, dh’fhiach e cur as de Choinneach, le bàta ’s an robh e fhéin is dithis eile a leigeal air fuadach le stoirm gaoithe is sneachda. Ach bhuail am bàta cladach fada fada air falbh o’n cheàrn de’m buinneadh an sgioba—Hudson Bay, oir sin far an d’fhuair Coinneach fraon an toiseach. Theasargainn na h-Eskimaux iad agus ri ùine thug iad a mach Hudson Bay a rithisd. ’S ann bliadhnachan an déidh sin a bhuail e an ceann Choinnich gu’m b’ann de thratan Iain Stiubhart an [TD 154] còrr foill a chluich. Thìll e do Mhùsamull mar a chunnaic sinn agus fhuair e Iain Stiubhart anns a’ cheart suidheachadh ris an robh sùil aige: na àite fhéin mar uachdaran air Mùsamull, agus mu’ n d’thuirt cuid de mhuinntir Mhùsamuill fhéin e “b’e an droch shrathair an àite na deadh dhiollaid.” Ach ma bha Coinneach faoin na òige, dh’fhàg e sinn fada as a dhéidh. Chuir e mu réir a chum athraichean a thoirt a mach. Chaidh a chuis a dheasbud an Duneideann mu choineamh nam Morairean Dearga agus ’s e thàing as gu’n d’fhuair Iain Stiubhart fichead bliadhna prìosain, an éirig a chealgaireachd. Thill Coinneach dachaidh do Mhùsamull far an deach ions a “chrùnadh” leis an t-sluagh. IAIN MAC CORMAIC. [TD 155] Cuis-Uamhais Sgeul airson na Cloinne LATHA de na laithean nuair a bha mi ’nam chnapach balaich mu thrì bliadhna deug a dh’aois thachair gu’n do chuir mo mhàthair mi do’n chlachan air cheann gnothaich gu bùth a’ cheannaiche mhóir. Choisich mi air mo shocair na ceithir mìle a bha eadar mo dhachaidh agus an clachan, ach an uair a ràinig mi a’ bhùth ’s ann a bha an dorus glaiste. An déidh dhomh greis a thoirt air lorgachadh a’ cheannaiche mhóir fhuair mi mu dheireadh e gu h-àrd am bràighe na croit’ aige a’ buain a’ bhuntàta. Cha robh cabhag ’sam bith air an duine chòir gu tighinn a fhrithealadh ormsa, agus leis a h-uile h-éis a bha orm ’s e bh’ann gu’n robh an t-anmoch air tighinn mu’n gann a dh’fhàg mi’n clachan. Thuit an oidhche dhubh dhorcha orm mu’n robh mi leth na slighe dachaidh, ach ’s beag cùram a chuir sin orm oir cha b’e so a cheud uair a ghabh mi an rathad ceudna an déidh tuiteam oidhche. Bha am frith-rathad air an robh mi a’ ruith an cois na mara troimh thalamh garbh creagach; monadh gruamach cas ag éirigh air an dara taobh, agus a’ mhuir a’ bualadh le gaoir mhi-aoibhnich air creagan a’ chladaich air an taobh eile. Bha an rathad air leth aonaranach cianail air an oidhche bha so. Bha gruaim air an speur, agus bha ceann-dubh air a’ ghealaich, ’s cha do nochd i i [TD 156] féin fhathast thar mullach ’nan sgolb-bheann air taobh thall an locha. Ged nach robh sgaoim orm roimh bhòcain feumaidh mi aideachadh nach robh sgeulachd fhaoin a chuala mi riamh mu thannasg, maighdean-mhara, no sìthich nach robh a’ ruith troimh m’inntinn muin air mhuin. Nuair a chluinntinn tonn a’ dèanamh nuallan ann an còs creige theirinn rium fein: “Sud a’ bhean nighe!” Dh’ éireadh corra-ghriothach as an fheamainn le sgreuch oillteil, agus bheireadh mo chridhe clisgeadh ás. Ghluaiseadh an earba gu farumach troimh na pris taobh an rathaid; leigeadh a’ chomhachag iolach aiste anns an doire, agus bheireadh gach aon diubh ormsa mo cheum a ghreasad. Chaidh mi seachad le ceum fìor sgiobalta air cloich mhóir a bha faisg air an rathad oir thàinig e stigh orm gu’n cuala mi gu’n deachaidh fògarrach truagh air chor-eiginn a bhàth e féin a thiodhlaiceadh air a cùl. Tha e coltach gu’n robh sluagh aig an àm de’n bheachd na’n rachadh fear a chuiredh ás dà féin ’s an dòigh so a thiodhlaiceadh an sealladh na mara nach tigeadh ceann sgadain a stigh do’n loch gu bràth tuillidh. Coma-co-dhiùbh, fhuair mi seachad air a’ chloich mhóir, ach shaoil leam cinnteach gu’n cuala mi a’ phlub a rinn an duine bochd an uair a thilg e e féin de rinn na sgeire, ach, math dh’fhaoidhteadh, nach robh ann ach béist-dubh ’s i as déidh eisg. Bha mi a nis—taing do’n t-sealbh—a’ dlùthachadh air mo dhachaidh, ach m’ an ruiginn i bha agam ri dhol troimh ghlaic uaine anns an robh seann tobhta tighe far an deachaidh iomadh sonn àrach agus iomadh ceann a chur an curraic ré na làithean a dh’aom: far an robh a’ chreathall agus a’ chrà-leaba a’ ruith a chéile troimh [TD 157] iomadh linn. Ach chuir an t-eug tosd air gach guth; bha an larach, a nis, fàs, agus a’ chagailt fuar. Cha robh ni ri chluinntinn ach torman a’ chaochain uillt a bha ruith a nuas aig ceann an tighe. Bha an t-àite anabarrach uaigneach dòlasach, agus is gann a bha de mhisneach agam sùil a thoirt air na seana bhallachan anns an dol seachad; agus tha cuimhne agam fhathast gu ’n do fhliuch mi mo chasan gu h-olc anns an allt leis mar a bha mi ’nam dheann gus an t-àit’ fhàgail as mo dhéidh. Cha bu luaithe chuir mi an t-allt seachad na stad mi cheart cho grad is ged a bhuaileadh peilear mi. “Righ gleidh mi!” arsa mise, is mi air chrith. Chaill mo chasan an lùth, sheas a h-uile gaoisnean fuilt a bha air mo cheann cho dìreach ri snàthaid, agus bhrùchd fuar-fhallus am mach troimh gach pòr de mo cholainn. Shuas air mullach creagain ri slios tuim, mu fhichead slait bhuam, seall ri ceann-fàth mo gheilt. Bha an rud a bh’ann mu mheudachd agus cruth duine, agus e liath-gheal an dath bho bhonn gu mullach, ’s e a’ gluasad a null ’s a nall, agus, ar leam, a’ smèideadh orm mi ’dhol far an robh e. Ach, a shiorraidh, b’fhada sin bho mo smuain aig a cheart àm. An àite dhol na b’fhaisg air a’ chùis-uamhais ’s ann a thar mi as dachaidh, ’s cha bu ruith leam ach leum: mi ga’m fhaireachadh féin cho aotrom ’s gu’n saoilinn nach robh mo chasan ach gann a’ beantainn do’n talamh. Nuair a ràinig mi an tigh shèap mi stigh, ’s cha do leig mi dad orm; ach cho luath ’s a fhuair mi cothrom bruidhne air mo bràthair (a bha tri no ceithir a bhliadhnachan na bu shine na mise) dh’ innis mi dha mu’n bhòcan, ach ’s ann a thoisich e air sgeig ’s air fanaid orm, agus cha toireadh e feirt idir orm anns a’ cheud dol am mach. “Cho cinnteach ris a’ bhàs,” arsa mise, ’s mi [TD 158] a’ call m’ fhoidhidinn. “Tuiginn ma ta,” ars’ esan, “’s am faic sinn am bheil e ann fhathast.” Cha robh iarraidh ’sam bith agamsa air a dhol air m’ais a dh’fhaicinn co-dhiubh bha e ann fhathast gus nach robh; ach, cha robh rian air diultadh, agus ’s e bh’ann gu ’n d’fhalbh sinn le chéile, agus “Fraochan” an t-abhag an cùl ar coise. Bha a’ ghealach an àirde an athair, ’s an oidhche cho soilleir ris a’ mheadhon-latha nuair a thàinig sinn am fradharc a’ chreagain far am faca mi an cruth a theab mo chuir as cochull mo chridhe leis an eagal, agus gun teagamh ’sam bith bha e an sud anns a’ cheart àite ’s an d’fhàg mi e. Cho luath ’sa chunnaic mi e rug mi air sgòid air mo bhràthair agus stad sinn. Ach cha b’e stad a rinn “Fraochan”: ’s ann a ghabh esan air adhart ’na ruith, agus thoisich e air tabhann ’s air comhartaich. Thug so misneach dhuinn, agus chaidh sinn na b’fhaisg ceum air cheum gus, mu dheireadh, gu’n d’rinn sinn am mach nach bu rud mi-shaoghalta idir a bh’ anns a’ chulaidh-eagail, ach damh-feidh, agus e an crochadh air a chasan deiredh eadar thalamh is athar—a cheann ri làr ’s a chéir ’s an athar, agus a tharr ’s a bhroilleach a’ cheart cho geal ri léine-mhairbh. Bha callaid iaruinn a’ dol seachad ri slios an tuim airson cumail nam fiadh am mach de’n talamh àitich, agus tha e coltach an nuair a bha an damh a’ feuchainn ris a’ challaid a leum gu’n deachaidh na casan deiridh aige an sàs anns na cruaidh-theudan a b’àirde de’n challaid. Thoinn na cruaidh-theudan mu na casan aige cho teann agus gu’n deachaidh a chumail ’na chrochadh ris a’ challaid. Bha an deò anns a brùid bhochd fhathast, ach ’se glé bheag truais a bh’ againne ris, oir bha fhios againn gur h-iomadh bileag [TD 159] arbhair agus barr brèagha buntàta a mhill a’ cheart diulnach oirnn ré an t-samhraidh, ’s an fhoghair a chaidh seachad. “Dé” arsa mise “ni sinn ris?” “Dé,” arsa mo brathair ’s e dèanamh gàire, “ach an fhuil a leigeil ás, agus a thoirt dachaidh.” Agus rinneadh sin! U.M.P. [TD 160] Clò-bhuailte le Seòras Mac Fhionnlaigh, 6 Rathad Victoria, Dun-dèagh. Made and printed in Great Britain. [TD 161] AN CLÀR-SANAIS DO’N RÒSARNACH Leughaibh na fiosan aig ar Luchd-sanais, agus bhuapa-san ceannaichibh na tha a dhìth oirbh de na tha iad a’ cur an sanas air bhur son. [TD 162] THE OLD TRIBUTE Agus mìrean-litreachais eile air an eadar-theangachadh o’n Ghàidhlig gu beurla nan Sasunnach, le RUARAIDH ARASCAIN IS MHÀIRR. 3s 6d no aon DOLLAR, saor leis a’phosta. An Gàidheal.—“Tha an leabhar gu léir air eadar-theangachadh o’n Gàidhlig. Tha seachd earrannan ann air fad, a chaidh a tharruing o sgrìobhaidhean Gàidhlig. Tha seadh nan earrann air a ghiùlan do ’n Bheurla gu h-eagnuidh, ealanta. Tha Beurla an Arascainich anns an leabhar so glé choltach ri Beurla an Ollamh Rothaich ’na sgeulachdan. Tha iad le chéile a’ cleachdadh cuid de ghnàths na Gàidhlig, ach gidheadh tha a’ Bheurla aca so-thuigsinneach do Ghoill is do Shasunnaich. Chan eil e idir furasda gnàths na Gàidhlig a ghiulan gu litireil, ach gu so-thuigsinneach, gu Beurla. Tha an leabhar so a’ nochdadh do choigrich ciod e gnè is inbhe nan ùghdar Gàidhlig nar latha. Chì an Gall ciod e cho beothail geurchuiseach is a tha an Gàidheal air cùl pinn.” “Tha Gaelic originals of most of these stories are known to me, and I think you have been most happily inspired to re-tell them in English that is not merely a literal translation, but unquestionably has the spirit and blas of the Gaelic. You may be amused to know that I had got through the first few pages of The Old Tribute itself before I discovered the author of Jus Prima Noctis—so long ago is it since I wrote that tale! That one I can swear you have done with a verisimilitude that to me is almost eerie.”—Pàirt de litir bho ’n Ollamh Niall Mac-an-Rothaich gu an Eadar-theangair. Glasgow News:—“The main thing about this collection is that in every case it wonderfully catches in translation the spirit and atmosphere of the original Gaelic.” Aberdeen Press:—“The Celtic stlye, the Celtic phrase, the fine simplicity of the race, are strongly shown in the translations. The selections do credit both to the mass of Gaelic literature and to the editor.” THE MANDRAKE PRESS, LTD., 41 MUSEUM STREET, LONDON, W.C. WHITAKER’S PEERAGE [Beurla] [TD 163] “COLD CHON” aig Trinity College, Glenalmond. [Dealbh] (Beairt-dhealbh le Cead an Ard-mhaighstir, Glenalmond.) Dh’fhuasgail “COLD CHON” ceist nan cabhsairean ceithir-chearnach aig Sgoiltean agus Oil-thaighean. Cha ruig rathaidean-coise leas a bhi na’s faide air an tionndadh le ceaba. Is e th’ann an “COLD CHON” bitumen leaghta agus tha e air a chur gu feum fuar. Leagar a sìos e le àsuing chumanta a’ ghàraidh. Théid a chòmhdach, abair, le spìtheagan ròs-dhearg agus a roladh gu grinn. Cumaidh na rathaidean an dreach ré ùine fhada agus cha tig na spìtheagan air an ais. Mairidh na rathaidean gun làmh tuillidh fad iomadh bliadhna. Sgrìobh air son leabhrain agus innis ’de tha dhìth ort. RICHARD SMITH’S EXECUTORS, Limited, 182 West Street, GLASCHU, C. 5. PRISEAN: 1 Druma, 30 galan, 35/-. 2-4 de dhrumachan 30 galan, 34/- an druma. 5-9 de dhrumachan 30 galan, 32/- an druma. 10-19 de dhrumachan 30 galan, 30/- an druma. 20-34 de dhrumachan 30 galan, 28/- an druma. NET.—Faradh pàighte gu ceann an rathaid-iaruinn. Cha ruigear leas na drumachan a thilleadh. Luchd-riochdachaidh an Sasunn:— BITMAC LIMITED, Dawes Lane, SCUNTHORPE, LINCS. [TD 164] Ge b’e taobh a ghabhas sinn air Slighe na Beatha tha feum air leabhraichean. Seadh, tha’m feum so coitchionn, ach nach tric a thachras nach eil fhios againn c’àit am faigh sinn na leabhraichean air a bheil sinn an tòir? ’S a’cheart uair sin, tog ort agus sìr comhairle a’ mhuinntir a chuir air bonn seirbhis-leabhraichean cho math is gur urrainn iad a ràdh le fìrinn An leabhar sin a tha dhith ort! Faodaidh Foyles a sholar duit. Leabhar air bith mu chùis air bith tha comas aca air fhaighinn duit, is gu bheil an leabhar sin idir am bith. Tha cruinn aca thairis air 2,000,000 de leabhraichean. Mur urrainn duit tadhal orra iarr orra Clàr àireamh 513 a chur a nasgaidh gad ionnsaigh, a’cur an céill daibh a dh’aon àm na tha measail leat an rathad litreachais. FOYLES Charing Cross Road, London, W.C. 2. COLOUR. “Am Magasin is finealta air an talamh.” Mìosachan ceutach a th’air a chur am mach air an son-san a tha gaolach air dealbhan lurach, agus, mar an ceudna, airson na feadhnach leis am miann iomradh cinnteach fhaighinn mu dheanadais na muinntir is àirde cliù an diugh anns gach nì a bhuineas do Ealdhain. Chan eil magasin air an talamh a dh’fhaodar a choimeas ris am fior luach. An éirig 2/- ’sa mhios bho’d leabhar-reiceadair (no 26/- ’sa bhliadhna saor leis a’ phosta), gheibh thu gach forbhais is fiosrachadh mu thiomcheall Ealdhain an latha so air feadh an t-saoghail uile, oir tha obair gach dùthaich agus “sgoil” air an cur fo’d chomhair anns na 14 de dhealbham daithte eireachdail a th’air an toirt dhuit a h-uile mìos. Cuir fios thugainn is gheibh thu aon àireamh an nasgaidh—m’a tha gràdh agad do Ealdhain. NEW COLOUR Ltd. 31 Craven Street, Strand, LONDON, W.C.2. LÒCHRAN AN ANMA LEABHAR-ÙRNAIGH CAITLICEACH. Faodar an Leabhar-ùrnaigh ciatach so a cheannaich air 1/2, no 28 cents saor leis a’ phosta bho SANDS & CO., 37 GEORGE STREET, EDINBURGH. An t-Uisge Malvern aig BURROW. Sin an t-uisge is gloine san t-saoghal aithnichte. Tha e ga fhaotainn bho Thobar iomraiteach Anna Ban-naomh. An Dusan 10/- ’nan càrtan gnàthach. Faodar a cheannaich bho na Taighean-stòir is aig luchd-reic fìona is nan cungaidh-leigheis. W. & J. BURROW, Ltd., THE SPRINGS, MALVERN. [TD 165] Leabhraichean Ciatach a dh’fheumar a Cheannaich. THE LITERATURE OF THE HIGHLANDERS, le N. Mac Néill, Ollamh. Fo làimh Iain M. Caimbeul. 7/6 glan. STRANGE TALES OF THE WESTERN ISLES, le Halbert J. Mac Gillie-bhuaidhe. 7/6 glan. THE WOLFE OF BADENOCH, leis an Ridire Thomas Dick-Lauder. Tha Roimh-ràdh dha so le R. B. Cunninghame-Graham. Clò-bhualadh 7/6 glan. PLACE-NAMES OF THE HIGHLANDS AND ISLANDS OF SCOTLAND, le Alasdair Mac Bheathain, Ollamh. Tha notaichean-mhìneachaidh is Roim-hràdh dha so le Uilleam Mac Bhaltair, Ollamh. 21/- glan. A GAELIC-SCOTS VOCABULARY, le R. L. Casaidh. 3/6 glan SEAN-FHOCAIL AGUS GNATH-FHOCAIL NAN GAIDHEAL (air an tionndadh gu beurla nan Sasunnach), le T. D. Mac Dhòmhnuill. 5/- glan. AM BRIATHRACHAN BEAG (air a dheasachadh a chum feum luchd-ionnsachaidh na Gaidhlig), le Calum Mac Phàrlain. 5/- glan. SCOTTISH DIARIES AND MEMOIRS, 1550-1746. Fo làimh J. G. Fyfe, M.E. Tha Roimh-ràdh dha so leis a’ Phrionsapal R. S. Rait. Loma làn de dhealbhan. 5/- glan. THE ELUSIVE GAEL, le Dùghall Coghill. Tha Roimh-ràdh dha so le Diùc Chataibh. 5/- glan. Ri am faotainn bho Leabhar-reiceadair air bith, no bho AONGHAS MAC AOIDH, Foillsichear, SRUIGHLEA. BUTH-LEABHRAICHEAN GÀIDHLIG GHLASCHU [Clàr] Cuir fios an diugh air a’Chlàr-leabhair againn. Gheibhear a nasguidh is saor leis a’ phost e . So an Clàr is coimhlionta agus is fhèarr a th’ann Alasdair Mac-Labhruinn agus a Mhac Leabhar-reiceadairean Gàidhlig 360-362 SRAID NAN EARRAGHAIDHEAL, GLASCHU. [TD 166] AM PEIRT—seann Cheann-bhaile na h-Alba—tha bùth tombaca le mullach ìosal, mìrean de bharailean tombaca agus ballachan air an crìochnachadh le darach. Sgrìobh Sasunnaich agus Americanaich na h-uiread m’a thimcheall. Thuirt iad uile gu’m bheil e air leth fìnealta, agus nach faicear an àite ’sam bith eile bùth a dh’fhaodar a choimeas ris an iomadh seadh. Tha soithichean bòidheach creadha an so mu’r coinneamh. Buinidh iad do ealdhain Dhùitseach na Delft, agus bheir iad ’nar cuimhne na seann làithean ’san robh lighichean a’ toirt seachad Luibhean na Slàinte. Tha againn, cuideach, na dealbhan snaidhte fiodha, ’nam measg cruthan Ghàidheal, sè troidhean air àirde, a bha air an nochdadh an Lunainn fo cheann fhada a chum a leigeadh ris do’n phobull gu’n robh tombaca Albannach ’nan tairgse agus gu’m faodadh iadsan leis am bu chaomh am Prionnsa agus aobhar nan Stiubhartach tighinn gun eagal a staigh agus an cinn a chur ri chéile an “ceann-shìos an taighe.” Is àite e a th’air a thoirt a suas gu buileach do thombaca agus is math is fiach e a thathaich leis gach neach leis an ionmhuinn na seann nòsan agus gach nì a tha lurach agus dòigheil am fior ealdhain. Guth-céin—No. 444 Perth. Fios-dealain—“Rapparee, Perth.” Chas. Rattray Fear-measgaidh gach Tombaca is fearr, PEIRT, Albainn. [Dealbh] A réir gach barail, chan fhacas riamh na’s snasmhoire an crochadh aig dorus bùth. B. S. RHODES, Ltd. (Fir-stiuraidh: B. S. ROSEN, M. ROBINSON.) IASADAN Bho £100 gu £10,000 air urras no gun a bheag dheth sin 13 & 14 New Bond Street, LONDON, W. 1. “BUTEAROSE, LONDON.” Gerrard—5353 & 5354. [TD 167] AN UAIR A BHIOS TU AN GLASCHU FUIRICH AIG CRANSTON’S WAVERLEY HOTEL, 172 SAUCHIEHALL STREET. Tha i meadhonach; agus cha toirear bàrr orra ach ainneamh a thaobh comhfhurtachd fhallain agus blàths na dachaidh. Cruinn-chosdais air son Seomar-cadail, braiceas agus amar-faragaidh, 8/6. TEA, 1/6 agus 2/6. DINNEIR (ceithir chùrsachan), 3/6, bho 6 gu 8 uairean. Guth-cein—128 Douglas. Fios-dealain—“Wavcotel, Glaschu.” M. CRANSTON MASON, a’ Bhan-ghnothaich. Tha an t-ionad so ga chur a leth taobh airson P. & J. HAGGART LUCHD-DÈANAMH BHREACAN DE GACH SEORSA DO’N CHÀRAID RÌOGHAIL. OBAIR-PHEALLAIDH SIORRAMACHD PHEIRT, ALBANN [TD 168] MAC BETH BY The Hon. R. ERSKINE of Marr. Sgrudadh goirid ach murrachail a staigh air fìor nàdur agus dheanadais an rìgh so mu choinneamh na tha Beul-aithris agus an Dràmá a’ leigeil ris duinn mu ’n cheart neach. R’a fhaotainn air 5/- bho gach leabhar-reiceadair no bho Robert Carruthers & Sons, COURIER OFFICE, INBHIRNIS. FROM SCOTLAND’S PAST Le J. G. FYFE. Ùghdar Scottish Diaries and Memoirs. 6/- glan. So leabhar làn brìgh. Tha gach aon de na 26 caibidilean air a bheil e ga dhèanamh suas coimhlionta ’nan féin, ach ged tha so mar so tha seorsa de cho-cheangal nàdurra eatorra, oir tha iad a’ buntainn ri tachairtean a thachair muin air mhuin, a’ toiseachadh leis an Ath-leasachadh Phrotastanach agus a’ crìochnachadh leis na Cogaidhean Seumasach. A dh’aon fhocal is i fìor eachdraidh a tha an leabhar so a’ toirt duinn, agus m’a dheidhinn faodar aithris air na ceart bhriathran molaidh a thugadh seachad mu leabhar eile a chuir an t-ùghdar ceudna ri chéile o chionn ghoirid: “A rainy day at an inn would be quite tolerable if one had Mr Fyfe’s entertaining book at hand.” Leugh cuideachd:— THE HIGHLAND CLANS (an eachdraidh is am beul-aithrisean: GEORGE EYRE-TODD.) 70/- glan. HIGHLAND GATHERINGS (cunntasan air Cluichean Nàiseanta aig Baile a’ Chaisteil ann am Bràigh Mhàirr, Inbhirnis, agus Lus. 34 dealbhan.) 10/6 glan. HEATH CRANTON, Ltd,, 6 Fleet Lane, London, E.C. 4. Glenfiddich Fior “Mhac-na-Braca.” Air a chur am botuilibh aig an Taigh-togalach. R’a fhaotainn anns gach àite. WM. GRANT & SONS, LIMITED, The Glenfiddich Distillery, DUFFTOWN. NIMH NUADH A RUAGADH RADAN. Chan eil ach an t-aon seòl cinnteach air radain a sgrios; agus is e sin le “Ready Rat Relief” Virus. Cha dean e dochar air an duine no air peataichean-tighe; ach is aobhar bàis cinnteach e do radain is luchagan. AIR A REIC LE ‘Ready Rat Relief’ Virus Co., 120 Southwark Street, LONDON.