[DA 1] AN RÒSARNACH [DA 2] [Bàn] [DA 3] AN RÒSARNACH ALASDAIR MAC LABHRAINN AGUS A MHIC GLASCHU Clo-bhuailte anns a’ Bhliadhna 1917 [DA 4] Clo-bhuailte le Milne, Tannahill, is Methven, 12-14 Sraid a’ Mhuillin, Peairt. [DA 5] CLAR-INNSIDH Taobh-Duilleig Na Ceiltich. Le Aonghas Mac Eanruig, 1 Innis Deoin-a’-Chridhe. Le D.M.N.C., 14 Buaidh na Gàidhlig air Beurla nan Gall. Le Lachlann Mac Bheathain, 16 Na Trì Orain. Eadar-theangaichte le Uisdean Laing, 33 Jeanne D’Arc. Le Aonghas Mac Eanruig, 34 Rob Ruadh Mac Griogair. Le Maighstir Dòmhnuill Mac Caluim, 68 Dàn-Cluiche Cinneachail Gailig. Le Maighstir Niall Ros, 76 Oran. Eadar-theangaichte le Uisdean Laing, 95 Bean a’ Bhocsa Bhuidhe. Le Iain Mac Cormaig, 96 Tòir na Maiseachd. Le Ruaraidh Arascain is Mhàirr, 125 An Uair Dheireannach aig Faustus. Eadar-theangaichte le Uisdean Laing, 157 Uamh an Oir. Le D.M.N.C., 159 Cuairt anns an Fhrith. Le Niall Mac Gille Sheathaniach, 171 Ros Aluinn. Le D.M.N.C., 192 Gille-Criosd, Morair Mhàirr. Le Ruaraidh Arascain is Mhàirr, 194 Beachdan am measg nam Blathan. Le T. D. Mac Dhòmhnuill, 209 Nighean Rìgh-fo-Thuinn. Seann-sgeulachd fo làimh Iain Mhic Aoidh, 211 [DA 6] [Bàn] [DA 7] DEALBHAN Taobh-Duilleig Jeanne D’Arc, a’Mhaighdean Orleanach. Le A. Sgott Mac Fhraing, Ceann-Dealbh Seumas I., Rìgh nan Albannach, 36 Tearlach VII. Rìgh nam Frangach, 54 Rob Ruadh Mac Griogair, 68 “Thàinig dreag de bhoireannach òg sgiobalta rathad an t-Srath.” Le A. Sgott Mac Fhraing, 104 “Thoir an tigh ort; ach beir an toiseach ás an abhainn an rud a chuir t’ìoraltan innte.” Le A. Sgott Mac Fhraing, 122 “’Na h-asgaill, tha Leanabh, aig am bheil ball òir ’na Làimh.” Le Aodh Mac an Rothaich, 168 Sealg nan Damh Donna. Le Aodh Mac an Rothaich, 182 Dealbh-Dùthcha Mhàirr, 200 “Ràinig i Diarmaid, agus dh’éigh da a leigeil a stigh.” Le A. Sgott Mac Fhraing, 212 “Chuir i Diarmaid anns a’ bhoitean, ’s thug i leatha air a muin e!” Le A. Sgott Mac Fhraing, 220 “Mu’n do leig e am focal ás a bheul, sheas duine beag ruadh am meadhon an uillt.” Le A. Sgott Mac Fhraing, 224 [DA 8] [Bàn] [TD 1] Na Ceiltich. AM bheil cunntas mionaideach agus fìrinneach againn air c’uine no ciamar a thàinig na Ceiltich a staigh do na h-eileinean so? Am bheil eolas soillear agus coimhlionta againn air sean eachdraidh ar cinnich? Dé cho fad agus is urrainn dhuinn dol air ar n-ais an eachdraidh ar sìnnsre? Bu mhiann leam na ceistean so a fhreagairt ann am beagan fhacal. Taing do àrd sgoilearan Gearmailteach, Sasunnach, Frangach, Eadailteach, Albannach, Eireannach, agus Cuimreach, théid againn, a nis, air beachdan a thoirt seachad le tomhas mór de dhearbhachd agus de chinnt. Cha ruigear leas na’s faide a bhi a’ labhairt air thuaiream. Is urrainn dhuinn dol air ar n-ais gu Linn-na-Cloiche-Nodha. Anns na làithean sin, bha an t-eilean ris an canar an diugh Breatunn air àiteachadh, cha b’ann a mhàin le aon, ach le móran fhineachan. Có ás a thàinig iad? No dé an daimh no’n ceangal a bh’ eatorra? Is i a’ bharail is fearr a th’ againn gu’m buineadh [TD 2] iad, an tomhas air chor-éigin, do’n chinneach mhór lìonmhor sin ris an abrar na h-Iberiaich. B’iad so seann luchd-àiteachaidh an Rudha Spàinndich agus na dùthcha fharsuing, àluinn sin a tha a’ sìneadh am mach eadar na beanntan Pyrenees agus an abhuinn Rhone. Cha robh na h-Iberiaich iad féin de aon fhuil, oir bha iad air an deanamh suas de mhóran threubhan. Bha iad ri’m faotainn air còrsaichean na Mara Meadhonaich fada mu’n d’rinn iad tuineachadh aon chuid san Spàinnd no an Gàidhealtachd na Frainge. Theagamh nach robh càirdeas dlùth no daingeann eadar sean mhuinntir an Eilein Bhreatunnaich agus an sluagh ris an abair na seann sgrìobhadairean na h-Iberiaich; ach faodar a thuigsinn agus a chreidsinn gu’n d’ thàinig iad le chéile o choire mór, maiseach na Mara Meadhonaich, agus gu’n robh cuibhrionn de’n aon fhuil a’ ruith ’nan cuislean. Tha aon nì eile am mach á teagamh. Mu’n do chuir na Rómanaich riamh cas air an Rudha Spàinndeach, bha air an labhairt anns an dùthaich sin, a bharrachd air a’ chànain Cheiltich, dà chainnt eile. B’e aon dhiubh Basc, agus b’e an t-aon eile a’ chainnt Iberiach—cainnt a gheibhear an seann sgrìobhaidhean nach deachaidh fhathasd a leughadh. Cho fad sa chaidh a’ chùis a sgrùdadh, chan eil an daimh is lugha ri fhaicinn eadar a’ chainnt Bhascach agus a’ chànain Cheilteach. Tha e, an tràsda, air fàs fasanta a bhi cur an céill na barail nach robh eadar-dhealachadh sam bith eadar sluagh na Cloiche-Nodha agus na Cruithnich. Chaidh am fasan so a thoirt a staigh leis an Ollamh Rhys agus an Ollamh Zimmer. [TD 3] Tha so ’g ar toirt dh’ ionnsuidh na ceiste nach eil idir furasd a fhreagairt—Có a b’iad na Cruithnich? Gheibhear a’ cheud iomradh orra anns an dàn molaidh eireachdail a chuireadh, sa bhliadhna 296, a dh’ ionnsuidh Constantius Ceasar. Tha e air aideach gu coitcheann nach deachaidh sluagh na Cloiche-Nodha a sguabadh, aig teachd nan Ceilteach, am mach ás an eilean so an aon làtha no an aon linn. Bha iarmad dhiubh ri fhaighinn fad ùine agus cian, cha b’ ann a mhàin sa chuid sin de Albainn a bha gu buileach an seilbh nan Cruithneach, ach, mar an ceudna, an iomadh cearna eile de’n Eilean Bhreatunnach. Glé choltach, is e a bh’ anns na Cruithnich ginealachd na Cloiche-Nodha air a measgadh gu pailt le fuil Cheiltich. Is fiach e fharraid an robh na Cruithnich, an seadh àraidh, a’ riochdachadh cinnich, no a’ labhairt cainnt, na Cloiche-Nodha—cainnt nach buineadh idir do’n chànain Iranach. Is i an fhìrinn, mar a thuirt mi, gu’n robh, anns na treubhan coimeasgta ris an abrar na Cruithnich, móran de fhuil Cheiltich, agus gu’n robh iad a’ labhairt na cànain Cheiltich. Bheireadh so oirnn a chreidsinn gu’n robh Ceiltich anns an eilean so iomadh linn roimh àm Chriosda. De’n chinneach so, b’e an dream do’n goirear na Goideil a thàinig an toiseach. Ann a bhi rannsachadh na cùise, bidh e feumail beachd a ghabhail air an eadar-dhealachadh a th’ eadar caochladh mheuran de’n chànain Cheiltich. Ri sean Ghàidheil na Frainge agus ris na Breathannaich (o’n d’ fhuair na Cuimrich an cainnt), theirear na “Ceiltich P.” Ris na Goideil (o’n d’ fhuair [TD 4] Gàidheil na h-Albann, na h-Eireann agus an Eilein Mhanainnich an cainnt), theirear na “Ceiltich C.” Dé is aobhar do’n eadar-dhealachadh? Is e so e—gu’n d’atharraich Gàidheil na Frainge agus na Breathannaich an fhuaim aig c gu p, nì nach d’rinn na Goideil idir. An uair a thàinig na Ceiltich an toiseach do Bhreatunn, bha a’ chànain air a labhairt co-ionann—gun mhùthadh, gun atharrachadh—anns gach àite. Cha robh gin de na meuran Ceilteach a’ cleachdadh p an àite c. Fada an déigh an àma ud, rinneadh an t-atharrachadh leis na Ceiltich a cheannsaich Gàidhealtachd na Frainge—sìnnsre na muinntir a cheannsaich a rithisd an t-eilean Breatunnach. O’n dàn molaidh ud a chuireadh gu Constantius, bhiomaid ullamh gu a thuigsinn nach robh na Cruithnich ri’m faighinn an àite sam bith aig deireadh na treasamh linn ach a mhàin an ceann tuath na h-Albann—tuath air bàghan Chluaidh agus Fhorchu. Tha na sgoilearan is ainmeala ag ìnnseadh dhuinn gu h-aon-sgeulach nach eil an so ach beachd mearachdach. Aig an àm ud, bha iad ri’m faotainn an iomadh àite mu dheas; agus tha seann litreachas a’ toirt iomradh air Cruithnich a bha tuineachadh, an sud san so, air feadh na h-Eireann. Tha so a’ nochdadh gu’n robh iad an seilbh air na h-Eileinean Breatunnach gu h-iomlan. Chan eil an teagamh is lugha aig an Ollamh Rice Holmes nach robh, aig aon àm, an dùthaich gu buileach an seilbh nan Cruithneach. Aon dearbhadh air so gheibhear an ainm a’ chinnich. Am measg nan Eireannach theirte Cruthni riu. A nuas o na linntean meadhonach is e ainm an eilean Bhreatunnaich, anns a’ [TD 5] chainnt Chuimrich, ynys Prydein. Is e is brìgh do ynys Prydein innis, no eilean, nan Cruithneach—c air a h-atharrachadh gu p. Nis, tha Prydein a’ riochdachadh sean fhacal Cuimreach Priten, agus bha samhlachadh nach bu bheag aige ris an fhacal Ghréugach Pretavoi. Feumar a chumail air chuimhne nach d’ fhuair Cruthni, Prydein no Priten àite an litreachas gu fada an déigh àm Cheasair. Ach tha daimh shoillear eadar Pretavoi nan Gréugach agus Priten nan Cuimreach; agus b’e Pretavoi an t-ainm fo’n robh aithne aig Ptolemi agus sgrìobhadairean Gréugach eile air “Breatunn” Bha Ptolemi beo anns an dara linn roimh Chriosda. Tha’n dlùth cheangal a th’ eadar an t-ainm Cuimreach agus an t-ainm Gréugach air a ghabhail leis na h-àrd sgoilearan mar dhearbhadh gu’n robh na Cruithnich, aig aon àm, ’nan uachdarain air Breatunn o cheann gu ceann. Tha e soillear gu’n robh an uachdaranachd so aca an uair a ghabh Pitias cuairt troimh ’n eilean a suas gu ruig Arcaimh. Bha so trì cheud bliadhna roimh Chriosda. Tha aon no dhà de dheagh luchd-eachdraidh a’ cumail am mach gu’m bu Ghearmailtich cuid de na Ceiltich a thàinig do Bhreatunn agus a mheasgaich iad féin leis na Cruithnich. Chan eil an dearbhadh is lugha air a’ bharail so ach a mhàin na briathran ud a sgrìobh Tacitus gu’n robh “falt ruadh agus mór mheudachd an t-sluaigh a leigeadh ris gu’n do shìolaich iad o stoc Gearmailteach.” Tha fios aig gach neach gu’n robh suaip nach bu bheag aig na sean Ghearmailtich agus na sean Cheiltich ri chéile ’nan coltas, ’nan cruth, agus ’nam meudachd. [TD 6] Ann a bhi ’g oidhirpeachadh air a dhearbhadh gu’n robh na Cruithnich tur eadar-dhealaichte o na Ceiltich, tha’n t-Ollamh Rhys a’ cumail am mach gu’n robh càirdeas soillear eadar cainnt nan Cruithneach agus a’ chainnt Bhascach—cainnt nach buineadh idir do’n chànain Iranaich. A réir ’aidmheil féin, dh’ fhairtlich air riamh dearbhadh seadhail fhaighinn air son na barail so. Aig a’ cheart àm, tha e toirt air aghaidh seann sgrìobhadh iomraiteach—sgrìobhadh ogamach a fhuaireadh ’san t-Sealtainn—agus ag ràdh nach eil an tuaileas is lugha aige ris a’ Ghàidhlig, ris a’ chainnt Chuimreach, no ri cànain Iranaich sam bith eile. Is iad na facail:—Xttocuhetts: ahebhttmnn: hccvvevv: nehhtonn. Có nach cuir aonta gu togarrach ris na briathran aig an Ollamh Alasdair Mac Bheathain nach buin an toimhseachan so “do’n chainnt Chuimrich no do chainnt sam bith eile a chaidh riamh a labhairt air an talamh!” A rithisd deiream gur e beachd nan sgoilearan is fiosraiche agus is cinntiche gu’m b’i meur de’n chànain Iranaich—eadhoin a’ chainnt Cheilteach—a bh’air a labhairt leis na Cruithnich. Cho fad sa nithear am mach, bha cainnt nan Cruithneach, a thaobh fuaim-chruth, na bu choltaiche ris a’ chainnt Chuimrich na bha i ri Gàidhlig na h-Eireann no na h-Albann. C’uine thàinig na Goideil—a’ cheud bhuidheann de mhuinntir a bha labhairt na cainnt Cheiltich—a staigh do Bhreatunn? Tha cuid a’ cumail am mach gu’n d’rinn iad an imrich ri Linn-na-Cloiche-Nodha, no aig toiseach Linn-an-Umha—mu’n cuairt de dhà mhìle bliadhna roimh linn Chriosda. Tha’n [TD 7] t-àm duilich a shocrachadh le cinnt, agus tha e coltach gu leoir gu’n d’thàinig cuid dhiubh mu’n do chrìochnaich Linn-an-Umha. Is i a’ bharail is feàrr agus is diongmhalt gur anns a’ chóigeamh no’n t-seathamh linn roimh Chriosd a cheannsaich iad an t-eilean so. Anns na h-àmanna sin, thòisich na Gearmailtich, a bha’n tàmh air taobh an ear na h-abhunn Elbe, air sàruchadh agus teannachadh a dheanamh air na Ceiltich, aig na robh an dachaidh tuath air an abhuinn Main, agus an ear air an Rhine. Chaidh gluasad nach bu bheag a chur fo na Ceiltich, agus bhrùchd iad a staigh do’n Rudha Iberiach (an Rudha Spàinndeach); ràinig iad geatachan na Ròimhe; ghabh iad seilbh air cuid de Mhacedonia, agus chaidh iad thairis do’n Asia Bhig (Galatia). Goirid do’n cheart àm, agus air son a’ cheart aobhair, thàinig laoman tiugha dhiubh á Gàidhealtach na Frainge a staigh do na h-Eileinean Breatunnach. Bha iad cho lìonmhor agus nach bu strìth dhaibh smachd agus ceannsal fhaighinn thairis air a’ mhór-chuid de na cinnich a bha rompa. Chan eil e, mar sin, iongantach gu’m bu Cheiltich an àireamh bu mhò de na feachdan a choinnich na ceud Rómanaich. Thug mi tarruing uair no dhà air na Breathannaich. Dé an cinneach a bha giulan an ainm so? Bu mheur e de’n teaghlach Cheilteach, ach, ’na thighinn, bha e deireannach seach na Goideil. An uair a bha Pitias (air an d’thug mi iomradh cheana) a’ triall gu h-athaiseach air feadh an eilein so, fhuair e na Breathannaich an seilbh am móran cheàrnachan. Bha e féin agus iadsan gu tric a’ coinneachadh agus a’ conaltradh. Aig a’ chuid a [TD 8] b’ anamoiche, rinn iad tuineachadh an so còrr is leth-cheud bliadhna mu’n d’ thàinig am fear-turuis ainmeil ud an rathad. B’ anns a’ bhliadhna 55 roimh Chriosda a thàinig Ceasar do’n Eilean Bhreatunnach. Am feadh sa bha e fuireach an ear-dheas an eilein chuala e iomradh air sluagh a bha tàmh a staigh am meadhoin na dùthcha. Chuala e gu’n robh iad a’ cumail am mach gu’m b’iadsan prìomh luchd-àiteachaidh na tìre, agus nach robh anns na Ceiltich, a bha chòmhnuidh mu na cladaichean, ach cinnich a thàinig, o cheann ùine nach robh fada, thairis o Ghàidhealtachd na Frainge. An déigh do Cheasar tilleadh dhachaidh, chaidh dà fhichead sa seachd de bhliadhnachan seachad mu’n do chuir laochraidh Rómanach cas a rithisd air fearann Bhreatuinn. An uair a thàinig iad agus a theann iad ri obair, cha robh iad leasg no màirnealach. Mu’n deachaidh dà fhichead bliadhna seachad, dh’ fhosgail iad suas an t-eilean air fhad agus air a tharsuing—air fhad, o chladach na roinn dùthcha ris an abrar Sussex aig an làtha diugh gu bàghan Chluaidh agus Fhorchu. Choinnich agus cheannsaich iad iomadh cinneach; ach, cho fad is gu’n deachaidh iad air an aghaidh gu tuath, ar leo gu’n robh na treubhan, a thaobh gineil, gun mhóran eadar-dhealachaidh o’n fheadhainn air an robh iad eolach an Sussex, an Kent, agus an Essex. Theagamh, ri linn Cheasair, gu’n robh ri’m faighinn àireamh bheag de phrìomh threubhan a bha seasamh air leth leo féin; ach, mu mheadhoin ceud linn Chriosda, bha iad uile air am measgadh gu buileach le fuil nan Ceilteach. An tràth bhris Agricola a [TD 9] staigh air a’ cheàrna sin a tha tuath air bàghan Chluaidh agus Fhorchu, b’e an sluagh a choinnich e, mar a thug sinn cheana fa near, “populi Caledoniam incolentes. Rutilae comae, magni artus Germanicam originem adseverant.” Bha eadar-dhealachadh nach bu bheag eadar iad agus na Ceiltich Bhreathannach. O laithean Sheveruis (anns an dara linn an déigh Chriosda) bha na Cruithnich ’nan dragh agus nan cunnart do cheannas nan Rómanach am Breatunn. Bha iad, mar an ceudna, ’nan eire thruim do na Ceiltich, a bha ’nan ìochdarain aig na coigrich uaibhreach. O mheadhoin ’na ceathramh linn, chinn cumhachd nan Cruithneach na bu mhò agus na bu mhò an lorg a’ chuideachaidh a bha iad a’ faighinn o’n coimhearsnaich an Eirinn. Feumar a chuimhneachadh gu’n d’fhuair Agricola cuireadh o aon de chinnich na h-Eireann gu dol thairis do’n eilean sin agus oidhirp a thoirt air a cheannsachadh. Rinn so daimh a chruthachadh eadar Cruithnich na h-Albann agus Sgottaich na h-Eireann. Aig toiseach na cóigeamh linn chaidh na feachdan Rómanach a tharruing gu buileach air falbh á Breatunn; agus, an sin, chaidh na Cruithnich agus na Sgottaich an comh-bhoinn an aghaidh nam “Breatunnach” (na Ceiltich Bhreathannach) a bh’ air am fàgail ’n an aonar, a dh’ easbhuidh neart agus a dh’ easbhuidh armachd. Leth-cheud bliadhna ’na dhéigh sin, thàinig cùisean mu’n cuairt a thug air na fineachan a bha tuath air Callaid Hadrian—callaid a bha a sìneadh eadar an Abhuinn Tees agus Bàgh Sholabha—sìth a dheanamh ’nam measg féin agus dol gu sùrdail, gramail an leth-sgeul a chéile. [TD 10] Air còrsa na h-àirde n-ear agus air an dà thaobh de Challaid Hadrian, thòisich Sasgunnaich Ghearmailteach ri socrachadh agus ri tuineachadh, agus stéidhich iad an Stàid chumhachdach sin ris an canta “Northumbria.” Anns a’ chuid sin de chòrsa na h-àirde n-iar ris an abrar an diugh Earra-ghàidheal theann Eireannaich o Antrum agus o Dhùn ri dachaidh a dheanamh dhaibh féin, agus chruthaich iad Stàid ùr do’n d’ thugadh an t-ainm “Dalriada.” Thug na h-Eireannaich gach oidhirp air na Cruithnich a bha ’g àiteachadh na dùthcha tuath air Cluaidh agus Forchu—thug iad gach oidhirp air an dream so a thoirt fo chìs agus fo smachd. Aig a’ cheart àm, bha na Sasgunnaich Ghearmailteach a’ deanamh strìth agus saothair chum an làmh-an-uachdar fhaighinn thairis air na fineachan Breatunnach a bha sa’ choimhearsnachd aca. Anns an t-seachdamh linn, bha Albainn air a roinn mar a leanas:—Tuath air Cluaidh agus Forchu bha dà rioghachd a bha dealaichte o chéile le monaidhean corruch Dhruim Albainn. Air an taobh an iar bha rioghachd nan Sgottach Eireannach, agus air an taobh an ear (a bha gabhail a staigh Arcaimh), bha rioghachd nan Cruithneach. Deas air a’ chrìch a dh’ ainmich mi, bha, mar an ceudna, dà rioghachd. Air an taobh an iar bha na Sgottaich Eireannach, agus air an taobh an ear bha na Sasgunnaich Ghearmailteach. Aig deireadh na h-ochdamh linn, thàinig na Lochlannaich, agus an sin bha’n ceol air feadh na fìdhle. Anns an ùdaig a bh’ann, fhuair an righ Sgottach, Coinneach Mac Ailpein, seilbh, sa’ bhliadh- [TD 11] na 844, air righ-chathair nan Cruithneach, agus chuir e air bonn rioghachd Sgottach-Cruithneach air an taobh tuath de Chluaidh agus de Fhorchu. Theirig na Cruithnich mar chinneach air leth. Cóig fichead bliadhna ’na dhéigh so, thàinig crìoch air an Stàid Bhreatunnaich a bh’anns an àirde n-ear de’n dùthaich sin a bha deas de’n chrìch a dh’ ainmich mi cho minig. Chaidh so a thoirt mu’n cuairt le ìnnleachdan an t-Sasgunnaich, Eadmund, aig an robh seilbh air Northumberland, agus Chaluim, a bha riaghladh na cearna a bhuineadh do na Cruithnich agus do na Sgottaich Eireannach. Roinn Eadmund agus Calum fearann nam Breatunnach eatorra. Ré chóig cheud bliadhna—o mheadhoin na ceathramh linn gus an do thuit gu buileach rioghachd nan Cruithneach—bha daimh dhlùth agus làidir eadar an dà chinneach do’m buineadh àirde n-iar na h-Albann. An toiseach, bha na Sgottaich Eireannach ’nan luchd-cuideachaidh leis na Cruithnich, agus an sin bha iad ’nan aoidhean draghail aig nach robh guth air tilleadh dhachaidh. Spàrr iad orra an creideamh Criosdail agus a’ chainnt Ghàidhlig (mar a bha i air a labhairt an Eirinn). Ma dheireadh, thug iad uatha, mar a chunnaic sinn, gach cumhachd agus neo-eisimeileachd air an robh iad thuige sud an seilbh. A thaobh nan Sgottach Eireannach, feumar a chuimhneachadh nach robh ach an earrann bu lugha dhiubh ’nan Ceiltich Iranach. Air son na cuid bu phailte is e a bh’ annta prìomh-shluagh a chaidh amladh a suas leis na coigrich Cheilteach, [TD 12] agus a dh’ fhoghlum an cànain. Tha so a’ cur soluis air a bhuaidh callachaidh agus iompachaidh a bh’aig na h-Eireannaich a shocraich a sìos an àirde n-iar na h-Albann thairis air na fineachan Cruithneach a bha mu’n cuairt daibh. B’ iad na Sgottaich Cruithnich na h-Eireann. Comh-dhùnaidh mi le bhi toirt seachad am beagan fhacal suim agus brìgh na thuirt mi. Bhuineadh a’ cheud chinneach is urrainn dhuinn a lorgachadh am Breatunn do chòrsa na Mara Meadhonaich. Ri Linn-na-Cloiche-Nodha, thàinig iad do’n eilean so rathad na Spàinnde agus na Frainge. Is e bh’ annta meur de’n chinneach lìonmhor, fhoghainteach sin ris an canar na h-Iberiaich. B’e an ath chinneach mór a cheannsaich an dùthaich a’ mheur sin de’n teaghlach Cheilteach ris an abrar na Goideil—dream a bha labhairt na cànain sin o’n do shruth a nuas thugainn Gàidhlig na h-Eireann, na h-Albann agus an Eilein Mhanainnich. Gheibh sin a’ cheud fhorbhais orrasan roimh chrìch Linn-an-Umha,—abramaid san chóigeamh no’n t-seathamh linn roimh Chriosda. B’ ann mu thoiseach Linn-an-Iaruinn—trì cheud bliadhna roimh Chriosda—a thàinig na Breathannaich, dream a bha labhairt meur de’n chànain Cheiltich o’n do chinn a’ chainnt Chuimreach. Bha an cinneach Cruithneach air a dheanamh suas de mhóran threubhan, cuidh dhiubh a bha tur eadar-dhealaichte a thaobh ginealachd agus sìlidh. Bha deagh bhoinne de fhuil Cheiltich annta; ach, mu’n àm san d’ thàinig na Rómanaich, rachadh aca air càirdeas dlùth a thagradh ri muinntir na Cloiche- [TD 13] Nodha. An cuid de cheàrnachan iomallach (mar a bha ceann tuath na h-Albann), theagamh gu’n robh iad a’ labhairt, aig an àm ud, cainnt air chor-éigin nach buineadh do’n chànain Iranaich; ach, le’n gabhail thar a chéile, bha iad air an toirt fo bhuaidh agus fo chumhachd nan Ceilteach. Bha iad a’ labhairt na cainnt Cheiltich, air a measgadh an tomhas sònruichte le an sean chainnt féin. Anns gach cearn de Bhreatunn, tha an gineal aosda fhathasd air mhaireann. Is ainneamh Cuimreach, Eireannach no Albannach is urrainn, le fìrinn agus eolas, a ràdh nach eil a chuislean làn de fhuil nan gaisgeach smearail, curanta a bhuineadh do Linn-an-Umha, agus nan Ceilteach mhóra, flathail a chathaich an aghaidh Cheasair, agus a thugadh, ma dheireadh, fo ghéill le treun-laoich Agricola. Agus, eadhoin, an Sasunnach, ma tha eadar-dhealachadh sam bith, a thaobh gnè, càil, agus biuthais, eadar esan agus a dhlùth chàirdean, na Gearmailtich Thuathach, faodaidh e buidheachas a thoirt do’n bhoinne phailt de fhuil chraobhaich, Cheiltich a tha fhathasd a’ ruith ’na cholainn agus a’ blàiteachadh a chridhe. AONGHAS MAC EANRUIG. [TD 14] Innis Deoin-A’Chridhe. Tha Mac nan Speur gu h-éibhinn, aoibhinn ’Triall do Roinn na Sìth; Tha copan nèamh fo sgéimh a shoillse Dreacht’ an aoibhneas-rìomh. Tha seirm a’ chuain a’ luaidh air sòlas, ’S tonn ri pògadh tuinn: ’S mo chridhe féin air sgèith a’ seòladh Dh’ Innis Deòin-a’-Chrìdh’ O, siar—O, siar thar chian nan cuantan; Null thar chuairt an là, Tha uidh mo chridh is tìr mo bhruadair Suaimhneach, suaint’ an Adh. Tha Gaol is Boidhche ’s Ceol a’ lionadh Aros-miann nam bàrd, Is Aoibhneas pòsd’ ri Oig’ a’ riaghladh ’Chaoidh—gu sìor—gu bràth. Mu’n cuairt d’a fhonn tha’n tonn ag éirigh ’N céum ri séist nan dàn. ’S o chruitean còisir ’og-lunn éutrom Beò-ghuth réidh gun tàmh. ’Na sgàil-bhrat ùr mu’n cùl ag iadhadh Suas gu ’niallaibh tlàth— A’ falach rùn nan Dùilean Siorruidh; Draodh-cheo siant’ an Dàin. [TD 15] O, thìr mo ghaoil ’tha daonnan Uaine; Thìr nam buadhan còrr, ’S e deoin mo chlèibh do shlèibhtean buana ’S soillse nuadh do lò. Do shruthan caoin ’s do bhraon de’n fhior-mhil; Dibh bu mhiann leam òl. Is deò gach ciùil ’tha d’ chùirtean dìomhair; Cagar sior mo leòin. Do bhlàthan nèamhaidh ’ghnè nam bruadar Sgaoilt’ air t’ uachdar ciùin: Do luibhean-fais le’n àileadh buadhmhor: Aluinn, buan fo dhriùchd. Do Cheòlraidh naomh le gaol ’tha dìleann ’Seinn air pìoban cliù: Is t’ anail ùr mar thùis ’ga ìobradh Suas do Righ nan Dùl. O, beannachd uam o Thìr nam Beò Thar cuain a’ cheò do’n I; Far bheil mo shìnnsir caoidht’ is bròn Gun dragh, gun deòir, gun dìth. Mo dhùrachd féin gu’n téid mi fòs A mùll thar sgleòthan Tìm A mhealtuinn Aoibhneis, Soillse ’s Glòir An Innis Deòin-a’-Chrìdh’. D. M. N. C. [TD 16] Buaidh na Gaidhlig air Beurla nan Gall. ALBA bheag an dà chànain! Beag am measg rìoghachdan an domhain, tha i mór-chridheach, fialaidh, agus is iomadh cainnt do’n d’thug i riamh caidreamh. Fad còrr agus dà cheud bliadhna, chualas an Laidionn air sràidean a bailtean gu deas o Shruibhle; fad mhóran de cheudaibh labhradh a’ chànain Chuimreach anns na srathan mu Chluaidh; ré iomadh linn bha teanga gharg Lochluinn a’ fuaimneach air feadh nan eileanan; agus an Fhraingis mhìn ’g a sanas le a rìgh agus a tighearnan. Ach b’i a’ Ghàidhlig o chian cànain ar gineal, agus ’n a h-ionmhais iongantaich gheibhear fhathast—seudan lom-chaithte a fhuair i mar thiodhlacan-dealachaidh o gach aon diubh sud; seadh agus a theagamh smùirneanan crìon o theangaidhean eile a fhuaras ’n ar crìochaibh—o chainntean nan Ibhearach agus nam Fear-bolg, agus o chainnt nan Cruithneach, an sliochd lìonmhor sin o’n d’thàinig cuid mhór de ar cinneach Albannach. Ach ma chaidh bloighdean beaga diubh so a ghleidheadh tha iad uile air am muthadh gu dreach na Gàidhlig, oir b’ise deagh chànain dhualach na dùthcha, a tha ’n a neart agus ’n a caomhalachd fior shamhlachail dì. A nuas o linntean dorcha, fad o chuimhne, gus an là an diugh, chualas ann an Albainn a guthan iomadach, air monadh, air tràigh, [TD 17] agus am measg àrosan dhaoine. Is ann á anam ar cinnidh a fhuair i a beatha, a fàs agus a cruth. Is iad a briathran a ghiùlain bròn agus sòlas, dòchasan agus dealbhan-inntinn ar sluaigh, agus a thug dhaibh uile an cumadh agus an cuimse. Oir is iad a facail-se na clachan beò de’n do thogadh lùchairt allail bàrdachd nan Gàidheal, aitreabh buan a sheasas ’n a mhaise nuair a bhitheas gach càrn-cuimhneachain faicsinneach ’n a laighe anns an smùr. Thall mu choinnimh na Gàidhlig, cha’n ’eil Beurla nan Gall ach òg ann an Albainn. Gidheadh tha ise cuideachd air tighinn gu ìre agus cliù. Tha nise mìle agus cuig ceud bliadhna o’n àm anns an robh i suidhichte ann an Innis Thorc mu thuath, agus á sin agus á tìrean eile bha i fad iomadh linn a’ tadhall agus a’ tolladh a steach air crìochaibh nan Cruithneach. Cha bu tric a bha blàr cogaidh ann an Albainn anns nach d’éirich a caithream. Mu dheireadh, chomh-mheasgaich i briathran Lochluinneach, Shasunnach, Fhriseanach, agus Olainteach ’n an aona chainnt, bhrùchd i oirnn o dheas agus fhuair i dol-a-steach gu cùirt an rìgh. Mar so thòisich i air ionad agus còir na Gàidhlig agairt di féin. Thionail i neart. Le mór chleachdadh, dh’ fhàs i ’na h-inneal deas ealamh air son bàrdachd agus eachdraidh, agus rinn daoine comasach feum di ann an sgeulachdan agus òrain ghaoil. Uidh air n-uidhe, thàinig ise cuideachd gu bhi ’n a cànain Albannaich, làn agus lùthmhor le beatha ar cinnidh. Ach, cha’n abair na Gàidheil rithe fhathast ach ‘Beurla,’ is e sin beul-ràdh no dòigh-labhairt, agus riutha-san a labhras i their iad ‘na Goill’ is e sin [TD 18] coigrich no eilthirich a tha a’ tuineachadh anns an tìr. Is iad so, ma ta, ar dà chànain; cànain Cheilteach agus cànain Thiutach. Air cho fada agus a tha iad ’n an còmhnuidh còmhla ruinne agus ri chéile cha’n fhaicear mór choltas eatorra. Gidheadh, le beagan fiosrachaidh chì sinn nach ’eil iad gu tur eugsamhlach. Ann an sealbh gach aoin diubh gheibhear ainmean air son nithean àraidh na beatha, agus anns an dà chànain tha na h-ainmean sin cosmhuil—‘Faither’ agus ‘athair,’ ‘mither’ agus ‘màthair,’ ‘brither’ agus ‘bràthair’—mar gu’m b’iad fuigheall de sheann àirneis theaghlaich a fhuair iad le chéile o’n aon shinnsireachd. Fo thriall nam bliadhna, le luasganadh agus le cion toigh, chaill na facail aosda so an coslas ri chéile, ceart mar a chaill iad an ceud dhreach. A thuilleadh air sin, bha aig gach linn àbhaist féin ann am briathran, agus bu tric leotha a bhi a’ snaidheadh agus a’ snagaireachd air sean àirneis an teaghlaich a réir gach nòis annasaich a bhiodh an uachdar. Thàinig uair anns nach b’fhiù leis na Gàidheil an litir ‘p’ an toiseach facail sam bith, agus le sin sgath iad i o’n phrìomh fhacal ‘pater,’ agus nuair a bhogaich iad an litir ‘t’ gu ‘th’ is e bha aca ‘athair.’ Air an làimh eile, bha sinnsear nan Gall ag aomadh an litir ‘p’ gu ‘ph’ no ‘f,’ agus nuair a chiùinich iad ‘t’ gu ‘th’ is e bha aca-san ‘faither.’ Mar so dh’ fhuiling gach facal ciorram no cuaig air choireigin, toll an làimh nan Gàidheal, agus tulg an làimh nan Gall, agus, mu dheireadh, cha b’ fhurasda an aithneachadh air a chéile. Cha d’ fhan iad comh-ionnan a chionn nach d’ fhan iad coimhlionta. [TD 19] Ach, a dh’ aindeoin so, chithear an diugh a bheag no mhór de choslas eadar facail sean a bha an seilbh an dà chànain so, mar a tha—be, bi; birth, breith; eat, ith; lie, laigh; meer, muir; facail air son àireimh mar—ane, aon; twa, dà; three, trì; na riochd-fhacail coitchionta—me, mi; thou, thu; he, e; na roimh-bhriathran is trice a chluinnear—to, do; over, far; through, troimh. Dearbhaidh na nithean so gu soilleir gu’n d’ fhuair an dà chànain so oighreachd maraon, dìleab a shealbhaich iad o’n aon shinnsireachd, agus gur iad da rìreadh oghachan an dà bhràthar. Gidheadh nuair a thachair a’ Ghàidhlig agus Beurla nan Gall air fonn na h-Albann, cha b’ann le fàilte no le furan. Cha d’thàinig am bàigh an cois an dàimh, oir bha eadar-dhealachadh ’n an àladh agus ’n an eachdraidh. Ach, thuit orra a bhi anns an aon tìr mar choimhearsnaich, agus tha a buaidh féin aig a’ choimhearsnachd. Is fheudar do’n chomh-ursainneach a bhi ’n a chomh-mharsannach, agus a bhi a’ malairt eismeil agus choingheall. Eadar an dà chànain so, ma ta, tha a’ choimhearsnachd fada, agus ged nach ’eil a’ mharsannachd anabarrach tha a luach féin aice. Ghabh a’ Ghàidhlig iomadh nì o’n Ghalldachd, agus gu tric gun fhàth sam bith ach neònachas, agus cha do dhiùlt a’ Bheurla gu buileach dol an eismeil na Gàidhealtachd. Cha robh i idir gionach, agus gu dearbh cha do ghlam i air na facail is fheàrr a tha againn. Anns an fhoclair Ghàidhlig, tha mór shaibhreas de nithean a bhuineas do inntinn agus aigne an duine, ach cha do shanntaich a’ Bheurla dad dheth, ach an aon [TD 20] fhacal ‘tuig,’ agus sin mar gu’m b’ann mar abhcaid. Ni mò a roghnaich i ar facail air son maise, ged a tha pailteas againn diùbh so, mar a tha—sgiamhach, dreachmhor, grinn, bòidheach, briagh, àluinn, laghach; no ar facail a tha annta féin taitneach leinne, mar a tha—mùirn, tlàth, caomh, caoin, binn, òir-dhearc; no ar facail làidir gramail, mar a tha—treun, gasda, gaisgeil. Cha b’iad an leithid sud a bha a dhìth air a’ Bheurla Ghallda, agus cha ghabhadh i iad. Is e so cothrom nan ceannaichean air feadh an t-saoghail, gu’n tagh iad an nì a thoilicheas iad féin, agus cha’n iad idir na nithean is luachmhoire a tha aig an reiceadair. Nuair a dhùisg Beurla nan Gall do a h-uireasbhuidh féin anns an tìr àillidh so, dh’ fhairich i feum air facail freagarrach air son aghaidh na dùthcha. Bha ionmhas diubh so aig a’ Ghàidhlig, agus ás an ionmhas sin ghabh i. Srathan leathann, uaine na h-Albann, nach àluinn iad, le aonaich ùrar agus uisgeachan sèimhe! C’ àite am faighear ainm iomchuidh do’n fharsuinneachd agus do’n stròdh agus an stràille sin, ach am facal Gàidhlig—srath? An gleann caol, cas, cumhang, a tha ag aomadh o thaobhan nam beann, c’ àite am faigh an claonadh sin ainm na’s iomchuidh na—an gleann? An cnoc cnapach, cnodach cneasmhor, nach ’eil ’n a thom no ’n a thulach, nach math an t-ainm dha—an cnoc? Agus mar sin le facail dùthchasach eile—a’ chreag charraigeach, chruaidh; an càrn, an coire, an loch, an linne, agus a’ bheinn—ghabh a’ Bheurla [TD 21] gu a h-uchd iad uile, agus a nis labhraidh na Goill gu fileanta mu straths, bens, glens, bogs, crags, knocks, corries, lochs, agus linns, mar gu’m bu leotha riamh iad. Tha na coingheallan ud aca am feum gach latha, ach tha iasadan eile nach cluinnear cho tric, ged a leughar iad air uairibh ann an leabhraichibh Beurla, mar a tha—tor, dune, glack (is e sin glaic), schluchlan (is e sin sloc eadar dà bheinn), reesk (riasg), pow (poll), lerroch (làrach), agus clachan. Tha aithris againn air “an àirde ’n ear, ’s an àirde ’n iar, an àirde tuath is deas,” ach cha robh an smuain so aig na Goill, agus mar sin cha robh ainm coitchionta aca dhaibh gus an cual’ iad am facal am beul nan Gàidheal, agus o sin b’ urrainn doibh seinn mu “a’ the airts.” A’ sealltuinn am mach air aghaidh na tìre, chunnaic na Goill, mar chunnaic na Gàidheil, a’ chraobh iriosal is tric a sgaoileas a sgàil thar an uillt agus luaidh iad a h-ainm Gaidhealach, ‘the arn,’ an fheàrna. Fhuair am preas aitinn freumh anns a’ Bheurla mar ‘etnagh’; raineach a’ mhonaidh agus canach an t-sleibh, mar ‘ronach’ agus ‘canna.’ Aig taobh na mara labhraidh na Goill mu ‘claddoch’ agus ‘partan.’ Anns a’ mhuir gheibh iad ‘pollack’ agus ‘glassock.’ Am measg eunlaith an athair bheir iad ainmean Gàidhlig do’n phitheid (pyat), do’n chlochaire (clocharet), agus do’n chapull-coille (caper-cailzie). Agus innsidh iad gu’m bheil na h-achaidhean ‘riach’ (riabhach), agus na cluaintean ‘lachtone’ (lachduinn). Is ann o aire a gheibhear ainmean, agus o spéis [TD 22] a dh’éireas aire. Thug na Gàidheil aire gheur do’n bheag agus do’n mhór a chionn gu’n do dhrùidh air am mac-meanmna mothachail an sgèimh iongantach a tha a’ crùnadh a’ chruthachaidh gu léir; agus bha ainm aca do gach taisbeanadh de’n ghlòir sin. Ma tha ann dream eile nach robh a ghnàth cho faireachail, is iomchuidh gu’n ìoc a’ Ghàidhlig dhoibh briathran cearta nuair a mhothaicheas iad feum daibh. Fhuair a’ Bheurla sreath eile de’n Ghàidhlig toirbheach—na facail a bhuineas do’n dachaidh. Mar mhuinntir dhualach, dhìleas, chòir, bha na Gàidheil toigheach mu’n dachaidh agus mu’n teaghlach, agus bha ainm deas aca air son gach nì a bhuineadh dhaibh. Ar facal ‘clann’ ghabh a’ Bheurla mar ‘clan’; ‘ogha’ mar ‘oe’ (her ain oe, Nanny—Ramsay); agus ‘iar-ogha’ mar ‘iar-oe’ (wee curly John’s iar-oe—Burns). Ghabh i gu sgiobalta ris an fhacal ‘tochar’ oir bu bheag air an aiteam ud ‘a tocher-less lass.’ Rinn na Goill ‘bothy’ de bothan, agus ‘body’ de bodach. Mu bhun an teine chual iad am facal ‘aingeal,’ agus mhol iad an ‘ingle-neuk.’ De’n ghrìosaich rinn iad ‘grieschoch’; de lic-an-teine ‘leck’; de’n chabar am mullach an taighe ‘kebbar’; de’n chuaich ‘quaich,’ de’n spàin chutaich ‘cutty,’ de’n chrùisgean ‘cruisie,’ de brìgh ‘bree,’ de’n ghreadan ‘graddan,’ de bonnach ‘bannock,’ de mulchaig ‘mullachan,’ de blàthach ‘bleddoch,’ de sùghan ‘sowens,’ agus de uisge-beatha, ‘whisky.’ Is mòr a shluig an Gall de bhiadh agus de dheoch a’ Ghàidheil! Seadh, agus dh’ uigheamaich se e féin ann an [TD 23] ciotagan de ar n-aodach dùthchail—‘plaid’ agus ‘philabeg,’ ‘brats’ agus ‘brogues,’ ‘sporran’ agus ‘mogan.’ Air taobh muigh an taighe Ghallda cluinnear ainmean Gàidhlig anns an iodhlainn—‘croo,’ is e sin crò; ‘buil’ is e sin buaile; ‘bourock.’ is e sin buarach; ‘sock’ is e sin soc a’ chroinn; ‘ure’ is e sin ùr, no talamh; ‘caib,’ is e sin caibe; ‘davoch’ is e sin dabhach; ‘mart’ is e sin mart no bó mharbhaidh; ‘capull’; ‘garron,’ no gearran; agus ‘messan’ no measan. Cha’n e an tuathanachas an aon chèaird anns a’ Ghalldachd anns am faighear ainmean Gàidhlig. A chionn gu’m bi am figheadair a’ breabadh air a’ bheairt their sinn ris am breabadair, no am breabanair, agus is e so an t-ainm a thug na Goill dha—braboner, agus a nis is e Braboner an sloinneadh ann an iomadh teaghlach. Is e ‘savorcoll’ (sàbhair-coille) fear-cèaird eile a chum ainm Gàidhealach, agus, còmhla ris, an gille snasmhor sin an cèard féin, oir is math is aithne do na Goill ‘the caird’ agus is iomadh Gall urramach do’m b’ainm ‘Mr. Caird.’ Tha gairmean eile anns a’ Ghalldachd a chum còrr fhacal Gàidhlig. Aig an t-saor Ghallda tha e ’n a shean-fhacal “It’s a ticht ‘caber’ that has nae ‘knap’,” agus “Him that hews abune his heid may get a ‘speal’ in his e’e.” Ni na h-iasgairean Gallda feum de’n tomhas Gaidhealach, ‘mais,’ maois no méis, sè ceud sgadan, agus cha’n’eil iad aineolach air ‘faddis,’ no bàta fada, agus ‘curach,’ bàta beag. Anns na làithean o shean bha dreuchdan na’s [TD 24] inbhiche na iad so a fhuair ainmean Gàidhlig—am maormor, an tòiseach, ‘toshach,’ an òg-thighearn, ‘ochiern,’ agus am breitheamhan, ‘brehon.’ Tha againn ann an so, ma ta, ainmean Gàidhlig air son lìonmhoireachd de ghnothuichean gasda—air son dreach agus aogais na tìre, air son dachaidhean dhaoine agus gach saothair a bhitheas iad a’ cleachdadh—nìthean sìtheil, feumail, còire. Ach, cha robh na Gàidheil gu tur aineolach air cogadh, no mi-chomasach air iad féin a dhìon, nì a thàinig Goill nàimhdeil gu bhi a’ tuigsinn uair no uaireigin. Is ann uatha a fhuair na Goill ainm air son a’ chlaidheimh mhóir, ‘claymore’; an ‘dorlach’ anns an do ghiùlain iad na saighdean; an ‘cro’ no dìol na fola; an sluagh-ghairm, ‘slogan’; an crois-tara no crann-taraidh; ‘kerne’ agus ‘cateran’; ceathairn no ceatharnach; ‘spreagh’ no ‘spreith,’ is e sin spréidh a thogteadh le làimh làidir; ‘kane’ no càin a dh’ìobreadh mar chìs; ‘sauch’ no sàmhach; ‘fecht’ no feachd, agus ‘yalloch’ no iollach a’ chatha. Ach, a thuilleadh air iasadan mar so, mothaichear anail na Gàidhlig ann an cumadh cuid de bhriathran na Beurla agus fuaim an guth. Agus cha’n iongantach gu’m mothaicheadh. Oir ma bhitheas feadhainn a’ fuireach fada còmhla bithidh iad, gun fhios daibh féin, a’ leantuinn a chéile ann an gluasad am beòil agus an dòighean an cainnt. Bu mhinig a chaidh Gàidheal a chòmhnuidh anns a’ Ghalldachd, agus thàinig na Goill gu bhi eòlach air dòigh labhairt na Gàidhlig. Agus tha nì eile nach còir dhuinn a dhì-chuimhneachadh. Cha do bhàsaich luchd àit- [TD 25] eachaidh na tìre nuair a chaochail iad an cànain. B’iad an aon chinneadh a bha roimhe a’ bruidhinn na Gàidhlig, agus a tha a nis a’ bruidhinn na Beurla. Agus lean riutha nì-eigin de nòs na Gàidhlig. Coltach ri Abel, ged fhuair i bàs tha i fhathast a’ labhairt. Theagamh gu’n d’ fhuair a’ Ghàidhlig Albannach móran de a binneas agus a taiseachd o na Cruithnich a labhair i. Ge b’e air bith mar a tha sin is cinnteach gu’m bheil a’ Ghàidhlig Albannach ’na canain mhìn, mhàlda, cheòlmhoir, agus gu’m bheil Beurla nan Gall againn na’s mìne, na’s màlda agus na’s gleusda na a’ chainnt Shasunnach. Tha an t-aobhar soilleir gu leòir. Tha Beurla nan Gall gu mór fo chumhachd nan litrichean fuaimneach, agus a’ seachnadh faobhar nan comh-fhuaimneach. Thàtar ag innseadh gu’n robh ceannaiche anns a’ Ghalldachd, agus nuair a dh’ fhoighnicheadh ris an e an aon chlòimh a bha ’s an aodach, fhreagair e “Oh, aye; aye a’ a’e ’oo’.” Sèimhidh na Goill ‘love’ gu ‘lo’e,’ ‘pull’ gu ‘pu’,’ agus ‘from’ gu ‘frae,’ na comh-fhuaimnich a’ leaghadh air falbh ceart mar a leaghas iad ’n ar beul-ne nuair a dh’ abras sinn ‘u’ ri ‘ubh,’ ‘ha’ ri ‘tha,’ ‘éi’ ri ‘fhéidh’ agus ‘u-a’ ri ‘umha.’ Ann an so, tha a’ Bheurla Ghallda a’ leantuinn na Gàidhlig, agus cha’n e idir an nòs Shasunnach. Maothaichidh sinne ‘màthair’ gu ‘ma-hur,’ agus an cuid de cheàrnaidhean their na Goill ‘wa’er’ ri ‘water’ agus ‘bu’er’ ri ‘butter.’ Is toigh leinn anns a’ Ghàidhlig an litir f an àit’ an ‘w’ Shasunnach (fìon—wine; fàs—waste; feall—wile) agus their cuid de na Goill ‘fan’ agus ‘far’ ri ‘when,’ ‘where.’ [TD 26] Anns a’ Ghàidhlig their sinn ‘orom,’ ’n a dhà lide, ri ‘orm’; agus their an Gall ‘farum’ ri ‘farm.’ Their sinn ‘cnoc,’ gach litir dheth gu toigheach, agus their an fhìor-Ghall ‘knock,’ ged nach amais an Sasunnach air a’ cheud ‘k‘ idir. Théid againn air ‘tnùth’ a ràdh, agus gun dragh sam bith their an Gall ‘tnee’ nuair bu leoir ‘knee.’ Cha’n ’eil againn anns a’ Ghàidhlig am fuaim ‘th’ mar ann an ‘three’ agus their aon Ghall ris an fhacal sin ‘chree’ agus fear eile ‘tree.’ Tha dà rùn sònruichte aig an t-seann Ghàidhlig. Cha toigh leatha an litir ‘p’ agus is ro thoigh leatha an litir ‘c.’ Thug na Cruithnich beagan fhacal le ‘p’ a steach do’n Ghàidhlig, mar a tha ‘preas’ agus ‘pailt,’ ach bu docha leis na Gàidheil litir eile. Anns an nì so, leanaidh Beurla nan Gall gu tric ann an ceum na Gàidhlig. Tionndaidhidh i ‘peep’ gu ‘teet’ agus ‘trump’ gu ‘trumf.’ Ach is ann an taghadh na litir ‘c’ (no ‘k’) is fhaisge a coltas ris a’ Ghàidhlig. Their sinne ‘cas’ agus ‘clann’ far an abair an Laidionn ‘pes’ agus ‘planta.’ Air an dòigh cheudna, their an Gall ‘keek’ far an abair an Sasunnach ‘peep.’ Cha’n e an litir ‘p’ a mhàin a chuirear air cùl air son ‘k’ Their sinne ‘rachk’ agus ‘lochk’ an àite ‘reachd’ agus ‘lochd,’ agus their na Goill ‘ack, fack’ an àite ‘act, fact.’ Bheir sinne fuaim cruaidh ‘rak’ do’n fhacal ‘rag,’ agus cuiridh na Goill ‘c’ an àite ‘g’ ann a ‘grease’ (creesh), agus an àite ‘chalk’ their iad cauk.’ Mur leòir sin spadaidh iad an litir am meadhon no aig crìch fhacal—‘sklate’ an àite ‘slate,’ ‘windok’ an àite ‘window.’ [TD 27] Nuair a thachras ar déidh air an litir ‘c’ agus ar déidh air a bhi taiseachadh litrichean cruaidh gheibh sinn am fuaim tùchanach ‘ch,’ is e sin ‘c’ bhog. Tha am fuaim so móran na’s pailt anns a’ Ghàidhlig Albannaich agus ann am Beurla nan Gall na tha e ann an cànainean eile mu ar timchioll. Their sinn anns a’ Ghàidhlig “mo chreach, gach neach, a mach ’s a steach,” agus their na Goill “Baith heich and laich it’s rouch and teuch eneuch.” Ach cha’n ’eil e idir soilleir gu’n d’fhuair a’ Bheurla a’ mhodh labhairt so o’n Ghàidhlig, no idir a’ Ghàidhlig o’n Bheurla. A thaobh nan litir fhuaimneach ris an goir sinn na foghairean, tha nì no dhà anns am bheil Gàidhlig agus Beurla na h-Albainn a cumail an aona cheum. Tha iad le cheile déidheil air an fhuaim ‘a’ an àite ‘o.’ Their sinn ‘là, cas, facal,’ an àite ‘lò, cos, focal.’ An àite ‘off, drop, soft, song,’ their na Goill ‘aff, drap, saft, sang.’ Ach cha’n ’eil againn cinnteas sam bith cia ás a fhuair an dà chànain an claonadh so. Nochdar buaidh aon chànain air cànain eile cha’n e a mhàin ann am facail agus fuaimean nam facal, ach gu tric ann an dòigh labhairt agus dòigh smaoineachaidh. Anns an dà nì so cha do ghèarr muinntir na Machrach iad féin saor o’n Ghàidhlig fhathast. ‘We winna let on’ a deir iad nuair a tha nì-eigin g’a chleith. Is e sud seòl na Gàidhlig—‘cha leig sinn oirnn.’ Tha e a’ ciallachadh nach leig sinn gu’m faicear oirnn coltas an rud a tha ’n ar n-inntinn. [TD 28] ‘Tha fearg orm ris,’ their an Gàidheal. ‘I am angry with him,’ their an Sasunnach. ‘I’m angered at him’ their an Gall, a’ leantuinn na Gaidhlig ann an so—gur ann ris agus nach ann idir leis a tha—an fhearg. ‘Ask him,’ their an Sasunnach. ‘Spier at him,’ their an Gall. C’ar son? A chionn gu’n abrar anns a’ Ghàidhlig ‘foighnich ris.’ Tha a’ cheisd a’ dol a null chuige. ‘Do you remember?’ foighnichear ’san aon chànain; ‘hae ye mind?’ ’s a’ chànain eile; ceart mar theirear anns a Ghàidhlig “am bheil cuimhn’ agad?” ‘I am hopeful,’ their an Sasunnach. ‘I am in hopes’ their an Gall, ceart mar a their an Gàidheal ‘Tha mi an dòchas.’ Oir, seall, tha gach tionnsgnadh agus gnìomh inntinneach a’ seasamh a mach fa chomhair a’ Ghaidheil mar nì laimhseachail faicsinneach. Cha’n e ar n-àbhaist a’ ràdh gu’m bheil sinn feargach, no dòchasach, ach gu’m bheil sinn aig an àm an dochas no fo’n fheirg a tha mar neul m’ar timchioll; no, theagamh, gu’m bheil dùil againn, no dòchas againn, is e sin mar shealbh ’n ar glac. Is e so ar dearbh smaoin, ar dòigh labhairt, agus an so tha Beurla nan Gall a’ leantuinn na Gàidhlig. ‘I smell,’ their an Sasunnach. ‘Tha mi a’ faireachadh fàile,’ their an Gàidheal. ‘I feel a smell,’ their an Gall. ‘He was cripple,’ their an Gall, an àite ‘he was lame’ oir abrar anns a’ Ghàidhlig ‘bha e crùbach.’ ‘Roasted cheese,’ their e, an àite ‘toasted,’ oir their sinne ‘càis ròiste.’ [TD 29] ‘Auld by me,’ their e, a chionn gur e a’ Ghàidhlig ‘sean seach mise.’ Ciallaichidh am facal ‘seach’ air uairibh ‘than’ agus air uairibh eile ‘by.’ ‘Better nor me,’ their e, an àite ‘than me’ air an aobhar cheudna. Tha na facail ‘no’ agus ‘na’ a’ ciallachadh ‘nor’ agus ‘than’—‘an e mise no thusa?’ ‘Is fhèarr thusa na mise.’ ‘A bit bread,’ their na Goill, mar their na Gàidheil ‘mìr arain.’ An àite ‘to-day’ their iad ‘the day,’ oir theirear anns a’ Ghàidhlig ‘an diugh.’ O’n Ghàidhlig, cuideachd, is coltach gu’n d’ionnsuich na Goill an crìochnachadh ‘ock’ no ‘ack,’ is e sin ar lide ‘ag,’ a’ ciallachadh ‘beag.’ Theagamh gu’n d’ fhuair a’ Ghàidhlig féin e o’n fhacal ‘òg.’ Their sinne ‘caileag,’ is ‘Annag,’ agus their na Goill ‘wifock,’ is ‘bittock.’ Ann an eachdraidh fhada na h-Albann, cha b’ ainmig a bha bàrd agus seanachaidh, luchd-cèaird, agus luchd-teòma air chuairt am measg nan Gall, a’ craobh-sgaoileadh eòlais agus càldachd nan Gàidheal air dhìol aoigheachd. Mar so, fhuair na facail so—bard, crowder (is e sin cruitear), senachie, clarsach, duan, rane (no rann) agus coronach—aoigheachd ann an cànain nan Gall. Thug an luchd-turuis sud do’n taobh deas sgeulachdan agus dàin mu na gaisgich a shoirbhich o shean ’n ar tìr, le binn luaidh air misneach agus mìlse nan aimsir a dh’fhalbh. O na céilidhean ud fhuair na Goill cuspairean foghluim ùra, rùintean dùthchasach, agus dian dhéidh air saorsa agus tapachd, agus thàinig Cuchulainn agus Fionn gu bhi ’nam fìor shinnsear do Ualas agus do Bhrus. [TD 30] Cha b’iad na fuinn Ghàidhealach an tìodhlac bu lugha a fhuair na Goill o’n coimhearsnaich mu thuath, oir an cois a’ chiùil dh’ éirich gu dealrach ’n am measg na h-òrain agus na dàin a bha an ceòl ud a’ deachdadh. Air tùs, cha d’ fhuaradh na facail Beurla ro fhreagarrach air son nam fonn, agus b’ fheudar gu tric am meudachadh le iomadh ‘ie’ agus ‘o’ aig ceann nan sreath. Ach fhuaras rian air facail freagarrach fhaotainn o’n Ghàidhlig féin. Nuair a bha Raibeart Burns a’ sgriobhadh aoir mu neach-éigin air son a sgallais agus a ‘sgeilm,’ air son a’ bhlaomadh agus a’ ‘bhlialum’ rinn e deagh fheum de’n Ghàidhlig— She tauld thee well thou wast a skellum, A blethering, blustering, drunken blellum. Cha b’e Burns an aon bhàrd Gallda a bheartaich a bhàrdachd le facail smearail o’n Ghaidhlig. Ghabh na Goill am facal ‘smear’ féin agus sgrìobh iad e ‘smer’ agus ‘smergh.’ Am facal làidir ‘taom,’ is e sin tuil gharg feirg, sgrìobh iad ‘tawm’; ‘gul’ sgrìobh iad ‘gowl,’ ‘sglaidse’ mar ‘sklatch,’ ‘beadaidh’ mar ‘beddy,’ ‘seang’ mar ‘shangie’; ‘glamaich’ mar ‘glamach’; ‘sgaoil’ mar ‘skale’ no ‘skail’; ‘cleith’ mar ‘clyth,’ agus ‘bradach’ mar ‘wratack.’ ‘Ablach’ agus ‘agairt’ ghabh iad gun atharrachadh. Leis a’ bhrosnuchadh agus a’ chobhair so dh’fhàs suas ann am bàrdachd nan Gall aigeann agus suidheachadh ùr, le smuaintean farsuing agus briathran cuimseach d’an réir. Bha buaidh na seann [TD 31] chànain anns a’ ghnothuch, agus nuair a dhealbh Burns fa chomhair nan Gall Ceòlraidh uasal na h-Albann is ann mar rìbhinn fhìnealta Ghàidhealach, ann am falluing rìomhaich de’n chadamh— Down flowed her robe, a tartan sheen. Tha e dearbhte, ma ta, gu’m bheil an còir féin aig na Gàidheil ann am Beurla nan Gall—faclan ceart air son maise na dùthcha, air son maitheis an dachaidh, air son oibre feumail agus euchdan ghaisgeil; fuaim binn an còmhraidh agus dòighean an smuain; geurachadh tuigse agus meudachadh eòlais; beothachadh bàrdachd agus rùn àrd a’ chridhe. Agus, tha a’ chòir so a’ sìor-fhàs na’s treasa. Tha na leabhrana-treòrachaidh anns am faighear ainmean luchd-àiteachaidh nam bailtean móra a’ nochdadh gu’m bheil na h-ainmean Gàidhealach a ghnàth a’ dol an lìonmhoireachd. Far an robh aon ainm Gàidhealach anns a’ cheud ri linn Ban-righ Màiri, bha aon ’s an leth-cheud ri linn a’ cheud Deòrsa, agus tha aon ann an deich an diugh. Tha e mar fhiachan air na Gàidheil, ma ta, gu’n cum iad suas ceòl, cànain, foghlum agus litreachas an sinnsir. Cha chòir dìmeas a dheanamh air cliù no air cànain sluaigh eile. Na h-uile urram daibh uile. Ach, is e ar dlighe-ne aire a thoirt do’n dleasnas so—gu’n aisig sinn do’n chinneadh-dhaonna an tairbhe a bhuineas duinne. Tha an diugh mór abhainn na cànain Shasunnaich mar dhìle leathainn air a h-at le uisge o iomadh eileach, agus air a h-uallachadh agus a tacadh le [TD 32] cònlach tiugh de nithibh gun àireamh a tha a’ snàmh air a h-aghaidh—ionnsachadh is innealan iongantach nan làithean a tha ann. Cha dean sinn tàir air an tuil ud, no idir air allt eòlach na Beurla Ghallda a tha a’ glugan agus a’ crònan mu dhorus cèardaich a’ bhaile bhig. Ach, tha fìor-uisge na Gàidhlig mar shruth fallan nam beann, a’ sìor-mhonmhur mu na nithibh àrda o’n d’thàinig e, agus làraichean ar n-aithrichean. Ma tha sinn duineil agus dualach, òlaidh sinn a ghnàth ùr neart agus slàinte á lànachd an t-sruith so. Ma bhitheas sinn dleasnach agus dligheil ’n ar ginealach, le tùr tionnsgalach, bheir sinn fa near gu’n cumar an sruth so làn agus glan, gu bhi a ghnàth mar amar-àiteachaidh a’ comh-roinn beartais a bheatha am fad agus am fagus, ionnus gu’m buanaich, cha’n e a mhàin Albainn, ach iomadh sluagh agus teanga o bhuaidh àghaich na Gàidhlig, oir is deimhin gu’m faigh iad feartan uaithe-se nach fhaigh iad gu bràth á fuaran eile. LACHLANN MAC BHEATHAIN. [TD 33] “Na Tri Orain.” [Eadar-theangaichte o’n Ghearmailt aig Uhland]. An coinneamh nan uaislean thuirt Sifrid an rìgh, “Co sheinneas dhomh duanag bhios luaineach is binn” Bha òigear an làthair, ’s grad dh’ éirich e suas, Clarsach ’na làimh, agus claidheamh ’s an truaill. “Tri òrain gu seinn mi; a cheud fhear dhiubh Chuala tu cheana, agus dhi-chuimhmich thu: ‘Dhìt thu mo bhràthair gu bàs le d’ cheilg, Dhìt thu mo bhràthair gu bàs le d’ cheilg.’ An dara h-òran, ré oidhch’ na h-anshìd’ Is tric mi gu sheinn le dùrachd mo chridh’: ‘Na smaointich gur mise a mhaitheas sid dhuit Na smaointich gur mise a mhaitheas sid dhuit.’” A chlarsach gun d’ rinn e thilgeil uaith’ ’S bha claidhtean dithis ruisgte gu luath; Bu ghleusd’ agus b’ fhileanta ’n iomairt ’s an t-strith Gus ’n do thuit an rìgh, ’s cha dh’ éirich e rìs. “Se’n treas fear an t-òran is ceolmhoire leam ’S cha sgithich mi dheth gu’m bi mi ’s an ùir: ‘Tha rìgh Sifrid sinnte ’na fhuil, ’na fhuil; Tha rìgh Sifrid sinnte ’na fhuil, ’na fhuil.’” UISDEAN LAING. [TD 34] Jeanne D’Arc. IS mór a b’ fheàrr leam tàmh aig baile gu bhi fuaigheal agus a’ calanas maille ri ’m mhàthair. Chan i an obair so mo roghainn, ach feumaidh mi dol ’ga deanamh o’n is i sin toil mo Thighearn.” Mar so labhair a’ Mhaighdean Orleanach ris an oifigeach spailpearra a bha toirmeasg dhi dol air a h-aghaidh gu cùirt an Dauphin. A’ Mhaighdean Orleanach—Jeanne d’Arc—ainnir nam buadh, a chathaich gu fuil agus a sheas gu bàs air son a gràidh d’a dùthaich agus a h-ùmhlachd do àitheantan nèimh, a réir mar a bha i ’gam faighinn agus ’gan tuigsinn. Cho fad sa chuirear meas air misnich, gaisge, agus banalas, bidh a h-ainm air mhaireann, agus a cliu air aithris. Air boireannach a b’eireachdala an teist agus an gniomh, chan eil leabhar cuimhne an domhain a’ toirt iomraidh. Chum beachd cothromach fhaighinn air beatha agus obair na Maighdine, feumaidh sinn sealladh a ghleidheadh air nithean a thachair fada mu’n d’ thàinig ise am follais. Chan uilear dhuinn dol air ar n-ais gus a’ cheathramh-linn-deug, an uair a bha Eideard III. air righ-chathair Shasuinn, agus Tearlach IV. air righ-chathair na Frainge. Aig bàs Thearlaich, ruith teaghlach Chapet am mach gun [TD 35] oighre, agus theann Eideard ris a’ chathair rìoghail a thagradh mar an caraid bu dlùithe, a chionn gu’m b’e mac peathar an fhir a dh’ fhalbh. Bha an tagradh so air a thilgeadh gu taobh, agus air a dhiultadh leis an lagh Shalianach—lagh a tha deanamh dìmeas agus tàir air càirdeas bhoireannach—agus b’e Philip á Valois, nach robh idir cho daimheil, a bh’air a chrùnadh an àite Thearlaich. Gu grad, thòisich an cogadh ruighinn, sgriosail sin eadar an dà dhùthaich—cogadh a bh’air a dheanamh ainmeil leis na cathan gailbheach a bh’air an cur aig Crecy, Calais, agus Poictiers. Anns na trì cathan so, bha glòir an latha le feachdan Shasuinn. Fad an déigh sin, thug iad buaidh shònruichte am mach aig Agincourt. Tha e feumail a thoirt fa near nach robh an Fhraing, o cheann chóig cheud bliadhna, ’na h-aon chinneach mór, aonaichte, mar a tha i air an latha diugh. An uair a bha i féin agus Sasunn ri strìth agus cogadh, bha i air a roinn ’na móran bhuidhnean, agus cha robh iad uile air an aon taobh anns an iomairt. Bha eadhoin prionnsachan a bhuineadh do’n aon teaghlach ag altrum rùintean naimhdeil do chàch a chéile; agus, an àite seasamh gu dìleas guala ri guala, bha cuid dhiubh daonnan a’ toirt gach còmhnaidh is cobhair a bha ’nan cumhachd do na h-armailtean coimheach. An tràsd agus a rithisd, bha Albainn air a h-amladh anns an spàirn sheirbh, fhadalaich. Bha bann-còrdaidh daonnan eadar i féin agus an Fhraing gu a chéile a neartachadh agus a chuideachadh an aghaidh Shasuinn. Chaidh a’ cheud nasgadh de’n [TD 36] t-seorsa so a dheanamh am meadhoin na dara-linn-deug, agus chaidh a h-ùrachadh aig toiseach na ceathramh-linn-deug, agus aig caochladh àmannan eile. Mu thoiseach na cóigeamh-linn-deug, bha Eanruig V., righ Shasuinn, a’ cathachadh gu dìon, buadhmhor, air machraichean na Roinn-Eorpa, agus bha e an déigh ceann a tuath na Frainge a chur gu buileach fo a chois. Bha cùisean cho cunnartach agus gu’n do chuir an Dauphin àrd-theachdairean a nall do Albainn a dh’ asluchadh cuideachaidh o a sheann chàirdean. Dh’ aontaich Pàrlamaid na h-Albann deanamh mar a bh’ air a shireadh oirre. Aig an àm so, bha Seumas I. ’na leanabh, agus b’e Diuc Albani a b’ fhear-ionaid-righ. Chuir an Diuc air falbh do’n Fhraing a mhac féin, Sir Iain Stiubhard (Morair Bhochain), air ceann seachd mìle de threun fhir smearail, chalma. Bha iad air an giulan thairis le luingis Fhrangaich. Thug na Sasunnaich gach oidhirp air a’ chabhlaich a ghlacadh, ach cha deachaidh leo. Ràinig na h-Albannaich Normandi gu sàbhailte, agus, gun dàil, cheangail iad iad féin ri armailt an Dauphin, a bha a’ feuchainn ri Languedoc a bhuntainn o an naimhdean. Chathaich na coigrich gu sùrdail, gaisgeil, agus, an ùine gun a bhi fada, dh’ earbadh riu a’ chearn ris an abrar Anjou a dhìon an aghaidh Dhiuc Chlarence, bràthair Righ Shasuinn. Choinnich na feachdan aig Baugé, agus abhuinn Choesnon eatorra. Air thoiseach nan Sasunnach mharcaich Diuc Chlarence, air a sgeadachadh le mór ghreadhnachas agus a’ giulan m’a cheann coran òir a bha sònruichte fìnealta. Chuir [TD 37] e spuir san each, agus thàinig e ’na leum dh’ ionnsuidh na drochaide. ’Na choinneamh thriall na ridearan Albannach, agus, an tiota, fhuair an Diuc fad a dhroma de’n talamh. Mar a bha e a’ feuchainn ri éirigh agus faighinn air ais do’n diollaid, fhuair e buille-bhàis o chuaille trom a bh’air a ghiulan le Morair Bhochain. Thuit ceithir-cheud deug de na Sasunnaich, chaidh móran diubh a ghlacadh, agus chuireadh an ruaig air a’ chòrr. Cha do shoirbhich leis na h-Albannaich cho math an còmhdhailean eile. Chaill iad cliu an latha an toiseach aig Crevant, agus a rithisd aig Verneuil. ’Na dhéigh sin, thairg Albainn tuillidh feachd a chur thairis do’n Fhraing, ach cha d’ràinig i leas sin a dheanamh, chionn gu’n do thionndaidh cuibhioll an fhortain gu riochdail an aghaidh nan Sasunnach. Nochd an Dauphin (Tearlach VII.) an dòigh no dhà gu’n robh e ’ga mhothachadh féin fad an comaine na h-Albann air son a còmhnaidh agus a dìlseachd. Thug e dreuchdan agus inbhean sònruichte do Mhorair Bhochain, agus do àrd oifeagach eile, Sir Raibeart Stiubhard. Thug e seachad, mar an ceudna, àithne rioghail gu’m biodh gach Albannach a rachadh a chòmhnuidh do’n Fhraing an seilbh air gach cothrom agus sochair a bhuineadh do shluagh na Frainge féin.* * A thaobh nan sochairean so, mheasadh iomchuidh sgrìobhadh dh’ ionnsuidh Fear-ionaid na Frainge, an Lunainn, a dh’ fheuchainn am bheil iad fhathasd ri’m faighinn an seann laghanna na Frainge. Fhreagair an t-uasal sin air an 6mh de’n Iuchar, 1916, agus thuirt e:— “As far as the Embassy is aware, no special ‘Status’ exists [TD 38] B’ ann mu na h-àmanna so a rugadh Jeanne d’ Arc. Am feadh is a bha i fhathasd ’na caileig, bha i cluinntinn gu math mar a bha’n Righ Sasunnach, Eanruig V., a’ liodairt agus a’ sàruchadh Thearloich VI., ceart mar a bha Eideard III. a’ deanamh roimhe sud air Philip á Valois. Bha i a’ cluinntinn gu’n robh suidheachadh Thearlaich eadhoin na bu mhiosa na suidheachadh Philip, oir bha e air a thréigsinn gu tàmailteach le a chàirdean, agus le ’ìochdarain. Thionndaidh eadhoin a bhean am foill air, agus thàinig i gu còrdadh agus cùmhnanta ris an nàmhuid aig an robh a chuid luingis-chogaidh an acarsaidean an Frainge. Thug am boireannach carrach, lùbach, a h-ighean mar mhnaoi do Eanruig, agus, le Cùmhnanta na Troyes, thug i crùn na Frainge do leanabh a phòsaidh so, an àit a aiseag air aghaidh do’n Dauphin, Tearlach, neach a bha i deonach a dheanamh dìolain. Dà bhliadhna an déigh a’ chomh-cheangail so bhi air a sheulachadh, chaochail Eanruig V., agus, an ceann bheagan sheachdainean, Tearlach VI. Dè a thachair an déigh sin? Chaidh an Dauphin, Tearlach, éigheach ’na righ aig Mehun, agus, aig a’ cheart àm, chuireadh an céill le Diuc Bhedford, fear-ionaid an Righ Shasunnaich, gu’m b’e an naoidhean, bliadhna dh’ aois, mac Eanruig V., a bu righ air an Fhraing agus air Sasunn, agus gu’n gabhadh e an dreuchd fo ainm Eanruig VI. in France in favour of living Scotsmen. The privileges granted to Scotsmen by King Charles VII. evidently fell in abeyance at the time of the French Revolution; and the Napoleonic code, on which French civil life is founded, does not discriminate between foreigners where the French State is concerned.” [TD 39] Bha’n iorghuill gu grad air a h-ùrachadh. Aig an àm so bha gach òirleach de’n Fhraing tuath air an Loire gu buileach an làmhan nan Sasunnach. Aig Bedford bha a chairtealan am Paris. B’ ann ás a’ bhaile sin a bha e toirt seachad reachdan agus òrduighean chum peanais agus dioghaltais a dheanamh air gach neach nach aidicheadh gu h-ealamh gu’m b’e mac a bhràthar an righ dligheach—rex Franciae et Angliae. Dh’ fheumadh an sluagh a bhi cho bì, umhail, ri luchan fo ladhar chat, air neo bhiodh iad buailteach do gach ciorram agus droch ghiollachd. De bhailtean-móra làidir, foghainteach, b’e Orleans a mhàin na bha an làmhan chàirdean Thearlaich. Bha cumhachd Shasuinn mór, ach bhiodh e air a mheudachadh gu h-anabarrach nam faigheadh i seilbh air an daingnich cheutaich so. An déigh sin, chailleadh feachdan na dùthcha an lùths agus an leann-tàth, agus bhiodh iad gu buileach am meinn nan coimheach. B’e Orleans, air an aobhar sin, iuchair a’ chogaidh. Do’n bhaile so chuir Bedford a bhràthair, Salisburi, le armailt làidir, agus ràinig, mar an ceudna, Diuc Bhurgundi, a bha’n càirdeas agus an co-bhoinn ris na Sasunnaich. Chaidh Orleans a chuartachadh agus air a shéisdeadh, agus air a chuartachadh agus air a shéisdeadh bha e ré mhóran mhìosan. Làn geilt agus gioraig, theann Tearlach ri cobhair a shireadh, an toiseach o Albainn, agus a rithisd o Naples. Leum e dh’ ionnsuidh a chomhdhùnaidh nach gabhadh bacadh cur air na naimhdean, agus gu’n robh an Fhraing caillte. Anns a’ bharail so dh’ fhalbh e le cabhaig is dhùin e e [TD 40] féin an taobh a staigh de bhallachan Chion. A thaobh na h-Albann agus na h-Eadailte, mu’m b’ urrainn a h-aon dhiubh leum ás ùr gu lethsgeul na Frainge, thachair, mar a thuirt mi cheana, nithean móra agus iongantach ris nach robh dùil no fiughair—nithean a leig ris nach ruigeadh iad leas tuillidh feachd a chur do’n iomairt. B’ann aig an àm chunnartach, chiogailteach so a chualas an toiseach mu’n mhaighdin chliuitich, mhòdhair, Jeanne d’Arc, a bh’air a deachdadh le spiorad na saorsa chum faochadh agus còmhnadh a thoirt do’n Fhraing. Bha a h-athair ’na thuathanach beag, iorasal, am baile Domremi, air a’ chrìch eadar Lorraine agus Champagne. Dlùth do a dhachaidh bha coilltean móra Vosges, agus, fo an sgàile, bu ghnàth le cloinn a’ chlachain a bhi a’ cluich, a’ leum, a’ mire, agus a’ deothal spiorad na bàrdachd—spiorad a bha gu dlùth a’ tathaich gach tolman uaine agus cluaineig shàmhaich. Bhiodh iad ag aithris do a chéile seann sgeulachdan an cinnich mu shìthichean, mu ghisean, agus mu thaibhsean. Cha robh cnocan gun a bhruth, no sruthan gun a ghruagach. Bha Jeanne ’na h-ighinn shnasail, ghràdhaich, agus b’e a tlachd agus a h-àbhuist a bhi cuideachadh le a màthair gus an fhàrdach a chumail air dealbh. Dh’ ionnsuich i glé thràth obair snàthaid agus cuigeil. Bha i caomhail, suairce, ri luchd na trioblaid, agus daonnan frithealach air meadhoinean nan gràs. Bha aice triuir bhràithrean agus aon phiuthar. Bha sàmhchair a chlachain air a briseadh gu minic le ùnaich is connas nan arm. [TD 41] Bha eagal nan Sasunnach anns gach dachaidh; bha misneach agus dòchas an t-sluaigh air an lagachadh, agus bha gach tubaisd is dosgaidh air an cur air mhanadh do’n Fhraing. Air uairean, rachadh feuchainn ri comhfhurtachd a tharruing o ghnàthfhocail dhoillear, a bh’air an aiseag o mhàthair gu leanabh troimh iomadh linn. Bha seann fhiosachdan air an cuimhneachadh, agus air an ùrachadh. Nach d’rinn Merlin fàisneachd mu mhàldaig bharrail a bha ri tighinn o dhoireachan daraich Lorraine? Nach robh e air a chreidsinn leis na seann daoine, ceart mar a chailleadh an Fhraing air tàilleamh boireannaich, gu’n rachadh a saoradh gu foghainteach le oidhirpean maighdine? Nach fada o na bha e air ìnnseadh gu’n tigeadh ainnir bhòidheach o chòmhnardan Lorraine a thilleadh air an ais naimhdean na tìre? Eadar na h-iomraidhean fìora agus na h-uirsgeulan neonach, bha Jeanne air a deagh ullachadh, faodaidh sinn a chreidsinn, chum cluas fhosgailte thoirt do fhiosan dìomhair a bha i a’ faotainn. Thòisich i ri “fiosan” spioradail fhaighinn an uair a bha i trì-bliadhna-deug. An toiseach, thàinig d’a h-ionnsuidh an t-àrd-aingeal Gabriel, agus dh’ earalaich e oirre tighinn beo gu h-ionraic, naomh, beusach, agus i féin a choimhead gun smal o’n t-saoghal. An déigh sin, fhuair i taisbean de’n Oighe Muire, de’n Bhan-naomh Caitrìona, agus de’n Bhan-naomh Mairearad, agus thug iad uile dhi aithne shoillear i féin ’uidheamachadh gu teannadh am mach an aghaidh luchd-fòirneart a dùthcha. Gu minic labhair rithe mar an ceudna an t-àrd- [TD 42] aingeal Mìcheil, is e daonnan air a sgeadachadh le trusgan de sholus dealrach. Thug esan teann sparradh dhi seasamh am mach gu gramail ás leth na cathrach rioghail. “Chan eil annamsa ach caileag bhochd,” fhreagair ise; “chan aithne dhomh each a mharcachd no feachdan a threorachadh.” Thill an t-àrd-aingeal a thoirt misnich dhi. Thuirt e gu’n robh neamh a’ beachdachadh le iochd agus truas air tir agus sluagh na Frainge. Ghuil an nìonag. B’e a miann agus a dùrachd gu’n giulaineadh an t-aingeal leis i; ach, aig a cheart àm, chunnaic i gu’n robh a dleasnas agus a h-obair gu soillear fa comhair. Chuir i roimpe a’ ghairm neamhaidh a fhreagairt. Ré thrì bliadhna bha Jeanne a’ faicinn nan “seallaidhean” agus a’ cluinntinn nan “guthannan;” agus, ré na h-ùine sin, cha do labhair i umpa ri caraid no coimheach. Mu dheireadh, mhothaich i gu’m feumadh i a h-inntinn a leigeadh ri neach air chor-éigin. Roghnaich i mar a fear-dìomharais an duine aig piuthair a màthar, Durand Laxart, a thachair a bhi air aoidheachd an Domremi. Dh’ iarr i air a toirt dhachaidh leis, agus a ràdh ri a h-athair agus a màthair gu’n do chuir a bhean fios oirre. Bha Laxart ’na dhuine còir, cothromach, agus bha aige tuathanachas beag dlùth do Vaulcouleurs. B’e ceannard-airm a’ bhaile sin a bh’air òrduchadh do Jeanne a ruigheachd anns a’ cheud dol am mach. Dh’ aontaich a caraid le mór thogradh ris gach nì a dh’ iarr i air, agus, an ceann latha no dhà, thriall iad am mach air an turus. [TD 43] II. Bha a’ mhaduinn ceutach, agus òg-ghathan na gréine ag òradh nan réidhlein agus nan slios. Bha gach stùchd is mullach air an leth fhalach le sgàile de cheo tana anns an robh an gorm, an donn, agus am buidhe, air am measgadh gu maiseach. Aig ìochdar a’ mhonaidh bha a’ choille mhór dharaich a’ sìneadh am mach gu fada mar bhrat-ùlair uaine, beartach. Cha d’rinn ceolraidh nam preas an cadal-maidne. Bha an lòn-dubh, an smeorach agus am bruideargan le mór dheothas a’ taomadh am mach an ceilearadh bòidheach, milis. Bha uiseag no dhà a’ cur nam both dhiubh gu h-àrd anns na speuran, agus bha iomadh eun eile a gabhail pàirt anns a’ chomh-sheirm éibhinn. Bha an drùchd a’ dearrsadh air gach sop is gagan mar shradagan drillseach daimein. Rathad mór cha robh ann no iomradh air a leithid, agus b’ann le socair agus faicill a dh’ fheumadh luchd-diollaid triall feadh nam monaidhean. Bha a’ Mhaighdean agus a caraid a’ conaltradh a h-uile uair a gheibheadh iad cothrom. An tràth fhuair iad a’ cheud sealladh de an ceann-uidhe, sheas iad a dh’ aon togradh a ghabhail beachd air an dùthaich eireachdail a bha mu’n timchioll. “Tha cor brònach na Frainge air a leigeadh fhaicinn gu ro shoillear,” deir Jeanne, “leis na thachair aig Blàr nan Sgadan—is e sin an t-ainm fo’n téid an cath a sios an eachdraidh.” [TD 44] “Cha chuala mi facal mu a leithid de chath,” fhreagair bràthar a màthar. “Fhuair mise brath air an dòigh nach aithne dhuibhse. Is leoir dhiubh a chluinntinn gu’n do chuir Sir Iain Fastolfe le prasgan Shasunnach an ruaig air armailt Fhrangaich. Is leoir gu’n d’fhuair na naimhdean an cuid sgadain dh’ ionnsuidh an càirdean a tha o cheann ràidhe a’ cuartachadh baile Orleans. Is leoir i gu’m bheil spiorad agus misneach ar luchd-feachd-ne air tuiteam cho ìosal is gu’n cuir ceudan de shaighdearan Bhedford an teicheadh air mìltean dhiubh. Is muladach, gun teagamh, suidheachadh ar dùthcha.” “Am bheil fiughair agad gur comasach dhuitse cùisean a chur ceart?” “Tha e comasach dhomh deanamh mar a dh’ iarradh orm leis an àrd-aingeal.” Air an ath latha chaidh Jeanne agus Laxart a dh’fhaicinn caiptean Vaulcouleurs. Rinn esan tàir air a taisbeanan, agus fochaid air a tograidhean. “Cuir dhachaidh i, agus iarr air a h-athair a deagh sgiursadh.” B’ iad so briathran sgallaiseach a’ chaiptein. “Tha e mar fhiachaibh orm dol chum an Righ,” thuirt a’ chaileag bhochd, “agus feumaidh mi a ruigheachd ged a chaithinn mo chasan gu ruig na glùinean. Is mór bu docha leam,” thuirt i a rithisd, “tàmh aig baile gu bhi fuaigheal agus a’ calanas maille ri’m mhàthair. Chan i an obair so mo roghainn, ach feumaidh mi dol ’ga deanamh o’n is i sin toil mo Thighearn.” “Co do thighearn?” [TD 45] “Is e Dia!” Bu dìomhain gach nì a b’urrainn Jeanne a ràdh. Chan fhaigheadh i modh no meas o’n chaiptean, agus b’éiginn dhi tilleadh dhachaidh. Bhuanaich i air comhluadair a chumail ris na h-aingil, agus bhuanaich iadsan air a dreuchd agus a dleasnas a chumail m’a coinneamh. Mu thoiseach an earraich, 1429, thill an nìonag a rithisd do Vaulcouleurs, agus chur i an céill le mór dhùrachd gu’m feumadh i an Righ fhaicinn roimh mheadhoin a’ Charghuis. Mu dheireadh, ràinig a briathran sìmplidh cridhe a’ chaiptein, agus gheall e dhi air fhacal gu’n toireadh e i an làthair an Dauphin. An uair a ràinig i a’ chùirt bha i a rithisd air a coinneachadh le teagamhan agus amharuis. Dhearbh na diadhairean o ’n cuid leabhraichean gu’n robh i gu buileach air a mealladh. “Tha tuillidh an leabhar Dhé na’n leabhar sam bith a th’ agaibhse,” fhreagair Jeanne gu mìn, ciuin. Coma co dhiubh, fhuair i am fianuis an Dauphin. “A Dhauphin ghaolaich,” labhair a’ Mhaighdean, “is e is ainm dhomh Jeanne, agus chuireadh mi le Righ nan Neamhan a chum is gu’n ìnnsinn dhuibh gu’m bi sibh air bhur n-ungadh agus air bhur crùnadh aig baile Rheims. An sin bidh sibh nur fo-uachdaran aig Righ nan Neamhan, an ti sin is e mar an ceudna Righ na Frainge.” An déigh iomadh deasbud agus cath-labhairt chaidh aontachadh mu dheireadh gu’m faigheadh Jeanne air cheann an airm. Chaidh état majeur, no àrd oifigich, a thoirt dhi, agus a chur fo a facal; [TD 46] agus chaidh a sgeadachadh leis gach cumhachd agus ùghdarras a bha dligheach agus feumail. Thuirt i gu’n robh claidheamh air a thìodhlacadh air cùlaibh na h-àrd altair an eaglais a bh’anns a’ choimhearsnachd, agus gu’m bu mhaith leatha fhaighinn. Fhuaireadh e mar a dh’ innis i. Ged nach do chuir i riamh gu feum e, ghiulain i leatha e, agus cha do dhealaich i tuillidh ris. Chuireadh e an truaill de shìoda molach, crò-dhearg, a bh’air a dheanamh riomhach le òr agus airgead. Dh’ ullaich Bàn-righ Shicili air a son armachd gheal, loinnearach, a chuid bu phailte air a dheanamh de airgead. Bha a’ chulaidh so a’ dealradh gu ceutach an gathan na greine, agus a’ còmhdach Jeanne o a mullach gu a bonn—de toutes pièces sauve la teste. Bha’n dùthaich còmhnard mar chridhe na boise, agus bha an cruth boisgeach so ri fhaicinn fad móran mhìltean air gach taobh. Bhiodh e cur an cuimhne a’ phobuill na dealbhan a b’aithne dhaibh de’n àrd-aingeal Mìcheil, air an robh an rìbhinn òg so cho eolach. Chuir i uimpe éideadh fireannaich. B’ ann air an 27mh de’n Ghiblein, 1429, a bha crìoch air gach ullachadh, agus a theann Jeanne am mach air cheann a cuid feachd chum cobhair agus furtachd a dheanamh air Orleans. B’e a h-aois aig an àm seachd-bliadhna-deug. Thugadh dhi inbhe seanaileir, agus bha ’na cuideachd móran de sheanailearan eile agus de chaipteanan. Bha ise air steud-each geal, agus a’ giulan brataiche air a deanamh de anart grinn, geal, le oir shìoda. Bha innte mar shuaicheantas dealbh an t-Slànuighear, [TD 47] agus, air gach taobh dheth, aingeal ’ga shleuchdadh féin an suidheachadh aoraidh. Thriall am feachd air aghaidh ri taobh na Loire gu Tours, agus ás a sin gu ruig Blois. An so dh’ fheitheadh beagan laithnean gus an d’ thàinig biadh agus goireasan eile air an aghaidh. Bha Jeanne cheana an déigh atharrachadh iongantach a thoirt air beusan agus cleachdaidhean na h-armailte bige a bha fo a facal. Roimhe sud, cha robh móran eolais no aithn aice air dòighean no cleachdaidhean shaighdearan. Gidheadh, chaidh i am mach agus a staigh air am feadh gun fhiamh gun eagal, agus chronuich agus thoirmisg i iomadh amhlaireachd choirbte a bh’air am meas làn cheadaichte do luchd-airm. Chuir i grabadh gu buileach air gach mionnan agus toibheum a bha thuige sud cho coitcheann, agus bha eadhoin cuid de na h-àrd cheannardan am feum bóideachadh air am bâton, o nach faodadh iad ainmean naomha a thoirt an dìomhanas. Bha’n t-atharrachadh cho iongantach agus a bha e coimhlionta. A’ boisgeadh gu ceutach ’na h-éideadh airgid, bha Jeanne daonnan air a h-ais agus air a h-aghaidh am measg nam fear colgarra, agus bha gach teanga neo-gheamnuidh tosdach, balbh an uair a thigeadh i am fradharc. Cha robh sgàth sam bith oirre a thaobh a banalais. Mar a shiubhail an armailt air a h-aghaidh b’ iad laoidhean agus ceol naomh a bu chaismeachd dhaibh. Feachd a b’iongantaiche cha d’imich riamh air rathad—’a cho-sheirm ghasda, na brataichean le’n croisean, agus an cruth dealbhach, sneachd-gheal ud am marcachd air a cheann. Chuir [TD 48] Jeanne a thaobh móran de a saidealtas agus de a h-aillealachd, agus thug i seachad gach òrdugh agus àithne am briathran àrda, smachdail. Mar bu trice, bha i a’ giulan na brataiche le a làimh féin. Mu dheireadh, chaidh Orleans a ruigheachd. Gu grad, fhuair a’ Mhaighdean am mach gu’n deachaidh a treorachadh a staigh do’n bhaile air rathad cùil, ged a bha fios agus cinnt aig a companaich uile gu’n robh i deonach air a bhi’m bad nan Sasunnach gun dàil mionaide. Cha robh an so ach toiseach nan cuilbheartan a bh’air an cleachdadh leis na seanailearan a chum a h-oidhirpean a mhilleadh agus a thoirt gu neo-bhrìgh. Bha eud agus diomb air na seann laoich so ri bhi ’gam faicinn féin air an tilgeadh gu taobh air tàilleamh caileig fhaoin, bhathaisich, o na h-achaidhean còmhnard (une péronnelle de bas lieu). An e gu’n deanadh ise an nì sin a dh’ fhairtlich orrasan? Nighean an dubh oibriche ’ga coimeas féin ri ridearan eireachdail a chaith am beatha an cleasachd nan arm! Bu thàmailte leo i bhi idir ’nan comunn. Air an ath fheasgar an déigh faighinn gu Orleans, chaidh Jeanne am mach le buidhinn bhig an aghaidh aon de dhaingnichean nan Sasunnach. Chaidh i gu ìochdar a bhalla, agus ghairm i air na naimhdean teannadh gu grad air falbh mu’m biodh e tuillidh is anamoch. B’e an fhreagairt a fhuair i sruth bras de chainnt spìdeil, neo-chneasda, agus cha robh ainm bu mhiosa na chéile nach deachaidh éigheach rithe. Air feasgar na ceud Sàbaide, thachair nì comharraichte is fiach aithris. An déigh na dinnearach, [TD 49] leig Jeanne i féin ’na sìneadh a dheanamh tacan cadail. Bha cuid de na h-oifigich eile ’nan cadal mar an ceudna, agus bha sàmhchair a’ riaghladh feadh an taighe. As a tonn tàmha, leum Jeanne air a h-uilinn le clisgeadh agus eagal. Chaidh a dùsgadh leis na “guthanna” air an robh i cho eolach. “Tha e air iarraidh orm,” deir ise, “dol am mach an aghaidh nan Sasunnach.” Uidh air n-uidh, thàinig i gu bhi ’na geal fhaireachadh. “Tha fuil ar saighdearan ’ga dòrtadh,” ars ise; “cha d’innis a h-aon agaibh dhomh gu’n robh a leithid a’ dol air aghaidh. Thoiribh dhomh mo chlaidheamh agus mo bhratach.” A sìos an staidhir ghabh i, agus leum i le cabhaig air muin an eich a bha nis ’ga feitheamh aig an dorus. Mharcaich i air falbh le a leithid de astar is gu’n robh cruidhean an eich a’ cur teine ás na clachan ged a bha ghrian fhathasd gu math àrd anns an adhar. ’Na déigh thàinig a cuid feachd cho luath sa bha ’nan comas. Fhuaireadh am mach gun mhóran moille gu’n robh cùisean ceart a réir an rabhaidh a thug na “guthannan” do Jeanne. Dh’ fhalbh cuid de na seanailearan, gun fhios, an aghaidh nan Sasunnach, agus iad an geall air buadhan na Maighdine a chur gu feum gun i féin a bhi ’n làthair. B’e am miann glòir a’ chatha a ghleidheadh uaipe-se, agus a ghlacadh dhaibh féin. Cha do shoirbhich leis an ionnsuidh so dad na b’fheàrr na leis na h-ionnsuidhean eile a thugadh le muinntir Orleans. Mar a bha Jeanne a’ réiseadh a sìos am bruthach [TD 50] —a bratach a’ crathadh, agus a h-armachd gheal a’ dearrsadh—thachair i air na tréin-fhir a’ teicheadh dhachaidh, agus na Sasunnach gu dlùth air an luirg. Bha’n ruaig ’ga cur gu teth, bras, an rathad Orleans. Mar ioma-ghaoth nan speur ghabh Jeanne air a h-aghaidh, agus stad no moille cha d’rinn i gus an d’ràinig i balla na daingnich Shasunnaich. Chuir na Frangaich mu’n cuairt, agus thill iad ’na déigh. Thòisich an cath ás ùr, agus bha e anabarrach dìon, fuileachdach. Far am bu teotha an strìth bha Jeanne daonnan ri a faicinn, a’ cumail an àird a brataich àluinn, agus a’ toirt earail agus misnich do a càirdean. Air a son féin, cha do tharruing i claidheamh, agus cha do bhuail i buille o thoiseach gu deireadh na strìthe. Chaill na Sasunnaich an càil agus an sùrd. Bha iad a’ mothachadh gu’n robh an oidhirpean air an lagachadh le cumhachd neonach nach b’urrainn iad a thuigsinn. Bha an spiorad a’ fàillingeachadh ceart mar a bha spiorad agus càil nam Frangach air an ùrachadh. Mu’n deachaidh a’ ghrian fodha, bha an daingneach air a glacadh, agus bha na bh’air mhaireann de na naimhdean air an cur fo ghlais agus fo iuchair am baile Orleans. Air an latha màireach chaidh daingneach eile a thoirt gu talamh, agus mar sin aon an déigh aoin, gus an robh Orleans air a shaoradh o làmhan nan Sasunnach. Mhair an séisdeadh o thoiseach gu a dheireadh ré seachd mhìosan, ach chuir Jeanne crìoch air an ochd laithean. Is cleachdadh fhathasd le muinntir a’ bhaile coinneamh a ghleidheadh gach bliadhna air an ochdamh latha de’n Chéitein, agus an taing- [TD 51] ealachd a chur an céill air son mar a theasairg Dia an athraichean an 1429. An déigh na buaidh iongantaich ud, fhuair a’ Mhaighdean ainm ùr. Bha muinntir a’ labhairt uimpe tuillidh, cha b’ann mar Jeanne d’Arc ach mar La Pucelle d’ Orleans. Bha na seanailearan toileach fuireach car tamail anns a’ bhaile, ach chan fhóghnadh sin le Jeanne. Bha dhìth oirre tilleadh gu grad dh’ ionnsuidh an Dauphin, agus fhaighinn air aghaidh gu Rheims, far an robh e ri bhi air a chrùnadh. Chaidh tilleadh mar a dh’iarr i. An so a rithisd bha gach cùirtear agus neach eile a’ comhairleachadh dàil. Mu dheireadh, chaidh aontachadh gu gluasad, agus chaidh Gien, Troyes, agus àireamh de bhailtean mu’n cuairt a ghlacadh agus a thoirt fo cheannsal. Fhuair am feachd buadhmhor air aghaidh gu ruig Rheims; agus, mar a bha e a’ siubhail troimh shràidean a’ bhaile sin, bha Jeanne am marcachd ri taobh an Dauphin. Bha gach sùil air a’ chruth dhreachmhor, gheal a bha giulan na brataiche, agus bha boireannaich a’ cruinneachadh mu’n cuairt dhi a chum is gu’m faigheadh iad iomall a h-aodaich a phògadh. Cho luath is a bha gach ullachadh deanta, chaidh an Dauphin a chrùnadh leis gach greadhnachas agus mòralachd a bha iomchuidh agus dligheach. Bhrùchd an sluagh a staigh ás gach cearn a dh’ fhaicinn nam modhannan iongantach agus a bheachdachadh air na trusgannan eireachdail leis an robh an luchd-dreuchd air an sgeudachadh. Am measg mhìltean eile, thàinig daimhich Jeanne chum a’ bhaile—a h-athair agus a dà bhràthair. Bha’m [TD 52] pobull làn dealais agus aoibhneis, agus bha biadh agus deoch air an taomadh am mach gun sòradh. Mu’n d’ fhàg athair Jeanne Rheims, thugadh dha, le àithne an righ agus a luchd-comhairle, barantas laghail nach rachadh cìs no càin a thogail gu bràth tuillidh ann an sgìreachd Domremi. Chaidh an t-sochair a mhealtainn a nuas troimh na linntean gus an d’thàinig Ar-am-mach na Frainge. III. Aon uair is gu’n deachaidh an crùn mu cheann an righ, mhothaich Jeanne gu’n robh a h-obair agus a dleasnas air tighinn gu crìch, agus air an coimhlionadh. Bhuanaich na “guthannan” agus na “seallaidhean” air tighinn ’ga h-ionnsuidh, ach cha robh na seolaidhean a bha iad a’ toirt seachad cho réidh no cho soillear is a b’ àbhuist dhaibh a bhi. “O, Righ ghaolaich,” thuirt i, “tha ceann is crìoch air mo shaothair, agus b’ fheàrr leam gu’m faodainn tilleadh do Domremi. Ach tha slighe eile air a comharrachadh am mach dhomh, agus feumaidh mi a leantainn gus an òirleach mu dheireadh.” An ceann trì laithean theann an Righ air falbh a chum seilbh a ghabhail air Paris. Fhuair e fàilte agus furan o gach baile troimh’n robh e ’siubhal, agus cha robh neach a thuirt facal ’na aghaidh. Aig Château-Thierry thàinig Tearlach agus Diuc Bhurgundi gu còrdadh air son fosadh-còmhraige ré chóig-la-deug, agus gheall an Diuc gu’n liubhradh e thairis Paris aig ceann na h-ùine sin. Cha do [TD 53] thaitinn an cùmhnanta so ri Jeanne, oir thuig i sa’ mhionaid gur e bh’aig an diuc anns an amharc ùine fhaighinn chum tuillidh feachd a chruinneachadh. Bha i ceart ’na barail. Mìosan an déigh sud thog an obair an fhianuis. B’ ann mu’n àm so a chaill i a claidheamh—am ball-airm sin a ghiulain i anns gach cath a chuir i, ged nach d’thug i riamh e ás an truaill an aghaidh duine. Air latha sònruichte, thàinig i gun fhios air droch bhoireannach am measg nan saighdearan. Ghabh Jean a leithid de chorruich agus gu’n do bhuail i an creutair dona le bas a’ chlaidheamh. Bhris e ’na sgealban, ceart mar a dheanadh slat de ghloine. Chuir an tachartas so dragh agus smalan air inntinn na Maighdine. Ar leatha gu’m bu dhroch mhanadh e, agus gu’n do chaill i, maille ris a’ chlaidheamh, móran de a seoltachd agus de a cumhachd. Cha robh am fosadh-còmhraige agus an dàil a’ tighinn ro mhath ri càil Jeanne, agus, an ùine gun a bhi fada, thàinig crìoch air a foidhidinn. “Beau duc,” thuirt i air maduinn àraid ri aon de na seanailearan a bha càirdeil rithe, “ullaich an trup, agus faigh do chaipteanan an òrdugh. En mon Dieu, par mon martin, tha mi cur romhan deanamh air Paris gun an còrr fuirich.” Cha ghabhadh i bacadh. Chaidh falbh le cabhaig, chaidh Paris a ruigheachd, agus chaidh geata St. Honoré a ghlacadh mu’n d’ fhuair na Sasunnaich dol ’nan tarruing. Air an taobh a staigh de’n gheata bha clais leathan, dhomhain, làn uisge. Cha robh fios aig Jeanne air so roimh [TD 54] làimh, agus b’éiginn dhi tilleadh air falbh chum ullachadh feumail a dheanamh gu faighinn thairis. Mar a bha i dol air a h-aghaidh air an là màireach, thàinig teann sparradh o’n Righ nach robh i ris an còrr dragh a chur air Paris, ach gu’m feumaidh i dol air a h-ais do St. Denis, far an robh e féin. Bu dìomhain do’n Mhaighdin a chur an géill gu’n robh an ceann-bhaile furasd a ghlacadh, agus gu’n deanadh aon oidhirp threubhach, dhiongmhalta a chur an làmhan Thearlaich. B’e an t-òrdugh rìoghail gu’n robh i ri tilleadh do St. Denis, agus cha robh tuillidh ri ràdh no ri dheanamh. B’e tilleadh a bh’ann, agus bha sin fada an aghaidh miann agus inntinn Jeanne. Thug e uaipe móran de a misnich—bha a cridhe air a mheatachadh. Am b’ann an nasgaidh a bha gach ionnsuidh a thug i air a dùthaich agus a cinneach a shaoradh agus a theasairginn o chumhachd nan naimhdean? Bu choltach gu’m b’ann. Bha aon nì sònruichte a’ toirt dhi sòlais agus comhfhurtachd. A dh’ aindeoin co theireadh e, chaidh Tearlach a chrùnadh aig Rheims! Bha i fathasd air a tathaich le “guthannan” agus “seallaidhean,” agus bha iad so ’ga seoladh gus an strìth a chumail air a h-aghaidh, gun laiseachadh, gun mhoille. Ged a bha’n Righ daonnan a’ cur ìmpidh oirre fois a ghabhail agus foidhidinn a chleachdadh, cha do sguir e riamh de bhi nochdadh dhi gu pearsanta gach caoimhneas agus deagh-ghean. Thug e dhi taigh mór, eireachdail, le grèidhean sheirbhiseach—mar a fhreagradh do àrd sheanailear. Thug e dhi, mar an ceudna, cleoca àluinn òir, a’ fosgladh [TD 55] air an dà chliathaich, gu bhi air a chaitheamh thairis air a h-armachd. Cha robh meas no modh a ghabhadh toirt do bhan-diuc nach d’thug e dhi, agus bha e a’ nochdadh gu soillear gu’n robh e ’na comaine air son a h-oidhirpean foghainteach ás a leth féin agus a luchd-leanmhainn. Gidheadh, bha e a ghnàth a’ diultadh gu snasail, cùirteil gach asluchadh a bha i deanamh chum an cogadh a chumail air aghaidh. B’ ann air éiginn a fhuair i a chead gu dol am mach a chum St. Pierre-le-Moutier a bhuntainn o làmhan nan naimhdean. Dé a their mi mu na h-euchdan a rinn Jeanne aig a’ bhaile so? Chan urrainn mi ni a ràdh ach gu’n robh iad anabarrach agus mìorbhuileach. Cha do shoirbhich ro mhath leis a’ cheud ionnsuidh a thug i féin agus a feachd, agus bhrùchd na tréin-fhir air an ais—’nan ceudan agus nam mìltean. Bha Jeanne cho dlùth do’n daingnich is a b’urrainn dhi faighinn, agus mu dheireadh cha robh leatha ach cóignear no seathnar a dh’ fhuirich dìleas dhi. Dh’éigh neach éiginn rithe teicheadh le a beatha. Thug i dhi a clogaid, agus fhreagair i nach falbhadh i gus am faigheadh i seilbh air a’ bhaile. Bha dhìth oirre maidean agus connadh a thional chum gu’n lìonta an dìg a bha mu’n cuairt do’n bhalla. Ma mhothaich i gu’n robh i ach beag ’na h-aonar, cha d’ thuirt i smid mu dhéighinn. “Drochaid, drochaid,” dh’éigh i; “aux fagots et aux claies tout le monde!” B’ann dìomhain a bha gach earail gu i a theicheadh. “Tha agam fhathasd,” ars ise, “leth-cheud mìle [TD 56] fear; oibricheamaid uile mar nach d’ oibrich sinn riamh roimhe.” Bha guth a beoil mar fhuaim thrompaid airgid, agus bha a gnùis air lasadh le àrd dhealas. Làn faiteachais, tha eachdraidh ag ìnnseadh dhuinn gu’n d’ thug Jeanne am mach Pierre-le-Moutier ’na h-aonar. Is e is feàrr leinn a chreidsinn gu’n do thill an armailt a ghabh an ra-treud, agus gu’n d’ thug i cuideachadh feumail seachad. Eadhoin aig a sin, tha a’ chùis ach beag cho iongantach is a bha i roimhe, agus chan urrainn sinn a ràdh ach gu’n robh i mìorbhuileach. Bha St. Pierre-le-Moutier air a ghlacadh do’n Righ. Gun dàil bha an ceol air feadh na fìdhle. Chunnacas gu soillear gu’m faodadh Paris a bhi air a chosnadh nan d’ fhuair Jeanne cumail air a h-aghaidh, agus cha b’àm e do na Sasunnaich gu cadal air an raimh. Bha Diuc Bhedford a’ siubhail air feadh na dùthcha mu’n cuairt, agus e a’ creachadh agus a’ losgadh, gun truas gun mheachainn. Bha e a’ glacadh air an ais móran de na bailtean a thugadh uaithe le Jeanne. So rinn e, agus bha Righ Tearlach ’na thàmh—a’ cur seachad na h-ùine gu sòghmhor, sunndach am measg a chùirtearan miodalach. Bha a ghiulan agus a dhol am mach a’ cur mór champar air a’ Mhaighdin, agus ’ga toirt ach beag gu eu-dochas. Mu dheireadh chuir i roimpe a’ chùis a ghabhail ’na làimh féin. Gun fhacal a ràdh ri duine, dh’ fhàg i an caisteal. Bha builsgean a’ chogaidh a nis aig Melun, agus bha am baile sin air a bhagradh gu searbh leis na Sasunnaich. Cha robh a’ chuideachd a dh’ fhalbh [TD 57] le Jeanne ro lìonmhor—cha robh annta ach àireamh bheag—ach ’nam measg bha a dà bhràthair. Thug na “guthannan” a nis dhi rabhadh gu’m biodh i air a glacadh agus air a deanamh ’na prìosanach uaireigin roimh Lath Fhéill-eathain. Rinn i aon ùrnaigh eagalach gu’n leigeadh Dia leatha bàs fhaghail an uair a rachadh a toirt am braighdeanas. Do’n athchuinge so cha d’fhuair i freagairt. Chuala i gu’n robh Compiègne an gearr chunnart. “J’irai voir mes bons amis de Compiègne,” thuirt i. Ràinig i, agus an toiseach chaidh leatha gu math. Ar leatha gu’n toireadh i buaidh am mach ach ionnas ’na h-aonar, ceart mar a rinn i aig St. Pierre-le-Moutier. An uair a bha choltas oirre gu’m bu leatha gun teagamh cliu an latha, ghabh earrann de a cuid feachd eagal agus giorag gu’n robh iad dol a bhi air an cuartachadh. Theann iad air an ais an deannaibh ’nam bonn. Fhuair na naimhdean chìocrach iathadh mu Jeanne. “Rendez vous,” ghlaoidh iad gu feargach, a’ caitheamh oirre iomadh ainm gairisneach, breugach. Rinn ridire sònruichte greim air cirb a cleoca, agus spìon e i thar an eich. Bha i a nis gu tur am meinn a cuid naimhdean. Bha i air a tréigsinn leis na cladhairean a bha i thuige so a’ treorachadh. An robh i air a tréigsinn, mar an ceudna, le cumhachdan nan neamhan? Mu’n toir sinn breth luath, lochdach mu’n ghnothach sin, feumaidh sinn a chuimhneachadh nach d’ thuirt na “guthannan” riamh rithe—“Rach agus dean cobhair air Compiègne.” Thàinig i am mach do’n chath so gu buileach ás a làimh [TD 58] féin, agus gun ghealladh sam bith ach gu’m biodh i air a glacadh roimh Lath Fhéill-eathain. IV. Mar fhalaisg ris na sléibhtean casa, ruith an naigheachd air feadh na Frainge agus Shasuinn gu’n robh a’ “bhan-bhuidseach” air a toirt fo cheannsal. Bha sòlas, sùgradh agus aighear an cùirt Righ Eanruig VI. Cha léir dhuinn móran de threubhantas no de uaisle anns a’ ghiollachd a fhuair Jeanne o a naimhdean, aon uair is gu’n d’fhuair iad greim oirre. Chaidh a glacadh mar sheanailear air ceann a cuid feachd. Bu phrìosanach cogaidh i. Anns na linntean a b’aineolaiche agus bu bhuirbe bha a leithid sin de phrìosanach saor a chunnart a bheatha. Bha e riamh air a thuigsinn gu’m b’ fhiach e tuillidh beo no marbh—theagamh gu’m faighte éirig mhath air a shon no gu’n leigte prìosanaich eile ma sgaoil ’na iomlaid. B’ ann cruaidh-chridheach thar coimeis a bha’n càramh a thugadh do Jeanne. B’e umpaidh Frangach a ghlac i; ach, and déigh a toirt o dhaingnich gu daingnich, chaidh mu dheireadh a liubhairt thairis do làmhan nan Sasunnach. Uathasan cha b’ ion fiughair a bhi ri móran iochd no ceanail. Dhruid iad i a suas am prìosan duaichnidh Rouen. Chaidh buntainn rithe air dòigh nach robh gu cliu nan Sasunnach. Ceart mar a rinneadh air Baintighearn Bhochain le Eideard I., chaidh a cur a staigh do crò iaruinn, a ceangal eadar làmhan, chasan agus amhaich ri posta làidir, dain- [TD 59] geann ionnas nach b’urrainn dhi carachadh no amharc a nunn no’n nall. Chaidh cóignear de shaighdearan borba Sasunnach a chur a staigh do’n aon t-seomar rithe chum freiceadan a dheanamh oirre a latha agus a dh’ oidhche. Theagamh gu’m b’e so am peanas bu mhiosa bh’aice ri fhulang, oir, ’na cadal no ’na faireachadh cha robh i mionad á sealladh nam fear so ré thrì mìosan. Aon uair is gu’n deachaidh a toirt gu deuchainn air beulaibh nam breitheamhnan chaidh a leigeadh am mach ás a’ chrò, ged a bha i daonnan ceangailt air chois ri casan a leapa. Ach, car aoin tiota, cha d’fhuair i á fianuis nam fear-faire gus an latha san deachaidh crìoch air a beatha. Is dòcha gu’n robh a’ ghiollachd so comh-shìnte ri spiorad dìoghaltach nan Sasunnach. Cheannaich iad Jeanne o na Frangaich a ghlac i air son sè mìle franc—an t-suim a rachadh a phàigheadh air son àrd phrionnsa. Bha iad a’ cur rompa gu’m biodh luach am peighinn aca. Bha iad air an gluasad leis an spiorad a bha’n Shylock. Bha tuill air an deanamh am ballachan an t-seomair troimh’m biodh na seanailearan agus na tighearnan ag amharc oirre gun fhios dhi. Gu minic bhiodh a’ chóignear fhear ud a bha daonnan ’na cuideachd ri spòrs agus fanaid, agus a toirt dhi gach mì-mhoidh agus maslaidh a ghabhadh toirt do chaileig. Cha b’ann gun deagh aobhar a lean i ri aodach fireannaich. Eadhoin an uair a bha i ro thinn—ri cluais bàis—air tàilleamh mìr de iasg mì-fhallain a thugadh dhi, cha d’ fhuasgladh a casan agus cha d’ thugadh boireannach gu frithealadh dhi. Bha gach fritheal- [TD 60] adh air a dheanamh leis na saighdearan fiadhaich, mì-chneasd ud. C’arson a chaidh càramh cho aingidh, neo-bhàigheil a thoirt do’n Mhaighdin mhi-fhortanaich—nìonag mhàlda nan naoi-bliadhna-deug? Chaidh a chionn gu’n robh eagal agus uamhunn air feachdan Shasuinn roimpe, agus gu’n do dhiult iad, ás is ás, carachadh no gluasad á Calais gus an rachadh cur ás dhi. Ma dheireadh chaidh a toirt gu a deuchainn. B’e talla a bhreimheanais caipeal a’ Chaisteil an Rouen, agus, air a’ cheud latha, b’e àireamh nam breitheamhnan dà fhichead. Bha iad uile àrd an inbhe agus am foghlum—easbuigean, oideachan-oilein agus an leithidean sin. Dé an cothrom a bh’aig caileig nan naoi-bliadhna-deug, a bha buileac aineolach a thaobh eolas litreach, an aghaidh na h-uiread so de cheud sgoilearan na Roinn Eorpa? Ré shè laithean bha i air a dlùth cheasnachadh le fear ma seach o mhoch gu dubh. Cha robh seoltachd no ìnnleachd nach do chleachdadh a chum a ribeadh agus a milleadh. Fhreagair i gach ceist gu simplidh ach, gidheadh, gu cùirteil, agus cha b’urrainnear cearb facail fhaighinn oirre. Riamh cha do ghabh i giorag no breisleach; agus ar leam gu’n robh a giulan an staid a h-irioslachaidh móran na b’iongantaiche agus na bu mhìorbhuiliche na bha e an uair a bha i aig àird a cumhachd agus ri cath agus strìth air cheann na marc-shluaigh. Cha deachaidh cùis dhìtidh sam bith a leughadh am mach ’na h-aghaidh, ach bha e air a thuigsinn gu’n robh iomadh droch-bheart air a chur ás a leth [TD 61] —breugan, toirt an t-sluaigh air seachran, fiosachd agus gisreagan, mealltaireachd, toibheum an aghaidh Dhé, buidseachas, iodhal-aoraidh, comhluadair ri deamhain, agus tréigsinn an fhìor chreidimh. B’e suim agus brìgh nam freagairtean a bh’air an toirt seachad le Jeanne gu’n robh i a’ làn chreidsinn san Eaglais a bhos, ach, a thaobh a deanadais agus a briathran, gu’n robh i a’ toirt géill agus ùmhlachd do Dhia a mhàin; nach sguireadh i de bhi a’ caitheamh aodaich fireannaich gus am faigheadh i àithne o a Tighearn—uaithe-san a dh’ iarr oirre an toiseach a leithid sin de sgeadach a ghabhail; nach d’rinn i toibheum riamh an aghaidh Dhé no a chuid naomh; nach robh aice ri ràdh ma dhéighinn nan “guthannan” agus nan “seallaidhean” a bh’ air an deonachadh dhi ach gu’n robh a comunn gu minic ris an aingeal Mìcheil agus ris na naoimh Caitriona agus Mairearaid. Thuirt i nach b’urrainn i an còrr freagairt a thoirt seachad ged a shlaodadh iad a corp ás a chéile eadar eachaibh no ged a thilgeadh iad beo i an teine lasrach. Bha’n deuchainn agus an ceasnachadh so air an deanamh gu follaiseach—am fianuis gach neach a thogradh dol a dh’ éisdeachd. Bha cléirich an làthair, agus chum iad cunntas air gach ni a chaidh a ràdh agus a dheanamh. Bha a’ chùirt air a suidheachadh, cha b’ann air son ceartais, ach air son na Sasunnaich a thoileachadh le Jeanne a dhìteadh. A dh’ aindeoin an cuid chuilbheartan, cha robh nan comas cearb fhaighinn oirre, agus chaidh an deuchainn fhollaiseach a thoirt gu crìch. B’e beachd nan uile aig an robh inntinnean fosgailte nach do nochd [TD 62] Jeanne dad de nàdur uilc ach gur ann a nochd i, mur e nàdur aingil, co dhiubh nàdur maighdin bheusaich, chaomhail, a chum i féin buileach glan—gun smal o’n t-saoghal. Ged nach b’urrainn na breitheamhnan coire sam bith fhaighinn innte, cha robh nam beachd idir a leigeadh ma sgaoil. Mar thachair do Phìlat, bha eagal an t-sluaigh orra, eadhoin eagal nan Sasunnach. Chaidh a rùnachadh, uime sin, gu’n rachadh a cur air a deuchainn a rithisd—an turus so gu dìomhair anns an t-seomar bheag a bh’aice sa phrìosan. Ré shè làithean cianail, fadalach, chaidh an ceasnachadh air aghaidh aon uair eile. Chaidh ascaoin agus mallachd na h-Eaglais a bhagradh, a rithisd agus a rithisd, air an nìonaig eireachdail mur aidicheadh i gu’m b’ann o ifrinn agus nach b’ann o neamh a bha na “guthannan” agus na “seallaidhean” san robh i a’ cur na h-uiread de ùigh. B’ fhaoin da-rìreadh móran de na ceistean a bh’ aice ri fhreagairt. Chan urrainn mi ach aon no dhà a thoirt seachad mar eisimpleir air an iomlan. Bha e air a shìor fharraid dé an àirde bh’anns an aingeal Mìcheil; dé cho fad sa bha ’fhalt; an robh sgiathan air, agus dé a’ chuma bh’ orra; dé an trusgan a bha uime, agus dé a bha e a’ giulan ma cheann. A chuid bu mhò dhiubh so dhiult i a fhreagairt, do bhrìgh nach robh gnothach aca ris na ciontan a bh’air an cur ás a leth. Dh’ ainmich i, co dhiubh, gu’n robh aige ma cheann crùn òir a bha anabarrach bòidheach agus luachmhor. Chrìochnaich an ceasnachadh dìomhair amhuil mar a rinn am fear follaiseach—gun nì sam bith a bhi air a dhearbhadh an aghaidh Jeanne a bha toilltinn peanais. [TD 63] An robh na Sasunnaich a nis riaraichte? B’iad nach robh. Dh’ fheumta a’ chaileag bhochd a chur air a deuchainn ás ùr. Thòisich an ceasnachadh a rithisd—an uair so an talla mór a’ chaisteil—agus mhair e o dheireadh a’ Mhàirt gu toiseach a’ Chéitein. A rithisd fhreagair Jeanne gach ceist air mhodh a chur gu amhladh na breitheamhnan a b’ àirde am foghlum agus na seoltachd, agus a thug air prìomh chléireach na cùirte sgrìobhadh gu minic an déigh bhriathran na Maighdine—Responsio Johannae superba. Mu dheireadh, dhiult i an còrr a ràdh, agus chaidh am mòd ma sgaoil. V. Eadhoin fhathasd, cha do strìochd cumhachdan Shasuinn, agus chaidh teannadh ri ìnnleachdan a dheilbh air son dearbhaidhean eile chur air seasmhachd na Maighdine. An àite-mhargaidh chaidh sgàlan-losgaidh a thogail, an connadh air a chàramh gu sgoinneil, deas, ullamh gu dol ri bhuidealaich cho luath sa gheibheadh e an t-sradag. Bha àite na h-ìobairt air a dheagh uidheamachadh. Có a bha ri ìobradh? Am bi Maighdean mhaiseach nam feartan agus nam buadh? Bha mìltean sluaigh cruinn, air an tarruing astair fhada ás an dùthaich mu’n cuairt. ’Nan suidhe air cathraichean àrda, le cleocanna àluinn bha na breitheamhnan gruamach, neo-bhàigheil—dà fhichead sa dhà dhiubh. Thàinig fosadh air a’ chuideachd an uair a chunnacas a tighinn air aghaidh an carbad cuglach a bha giulan na h-ighine mhòdhair, shìobhalt a dh’ fheumta a [TD 64] dhìteadh a dheoin no dh’ aindeoin. Shearmonaich aon de na pearsachan-eaglais gu snas-bhriathrach, fileanta. Thug e rabhadh do Jeanne mur h-aidicheadh i gur ann o Shatan a bha na “guthannan” a bha labhairt rithe gu’m biodh i am meinn a bhi air a losgadh air an sgàlan ud, agus, an déigh a bàis, nach robh leaba feitheamh oirre ach teine ifrinn. Aig deireadh na searmoin, thòisich an ceasnachadh. Bha Jeanne an àmhghar agus an cruaidh-chàs. Bha a spiorad air a shàruchadh agus air a chlaoidh. Bha i air a tréigsinn leis an Righ, leis an arm, agus leis an t-sluagh do’n do choisinn i fuasgladh agus saorsa o chuing na nàmhuid. Bha i a réir coltais air a tréigsinn le cumhachdan nam flaitheas—leis na h-aingil agus na naoimh do’m b’àbhuist tighinn chum a misneachaidh. Cha robh sùil ri fhaicinn a bha gabhail truais dhi, agus cha robh làimh sìnte chum cobhair a dheanamh oirre. Bha i a’ saltairt an amair-fhìona ’na h-aonar, agus cha b’ioghnadh a h-anam a bhi air a leagadh a sios fo dhìomhail misnich. Bha a naimhdean ag iathadh gu dlùth ma timchioll, agus, ged a shaor i daoine eile, i féin a shaoradh cha b’urrainn dhi. B’ann fo a shamhuil so de shuidheachadh a bha eadhoin Slànuighear an domhain air a cho-éigneachadh gu éigheach am mach agus fharraid le mór dhoilgheas c’ uime thréigeadh E. Am b’ ioghnadh gu’n do bhris Jeanne bhochd a sìos an uair a theannadh aon uair eile ri a ceasnachadh? Thuirt i gu’n robh i toileach anns gach nì a bhi air a stiuradh leis an Eaglais, agus gu’n cuireadh i uimpe aodach boireannaich gun [TD 65] tuille dàlach. Air a’ bhonn so fhuair i ás le a beatha. B’i a bhinn a thugadh am mach nach robh i ri a losgadh, ach ri a cumail ri ’maireann am prìosan daingeann, air aran agus uisge. “A mhuinntir na h-Eaglaise (gens d’Eglise),” thuirt i, “thoiribh mi do bhur prìosan féin, agus na fàgaibh mi na’s faide an làmhan nan Sasunnach.” Bha dhìth oirre faighinn air falbh o’n t-slabhraidh iaruinn agus o chomunn piantach a luchd-coimhead. Chaidh ìnnseadh dhi gu’m bu nithean sin nach gabhadh deanamh, agus gu’m b’ann an làmhan nan Sasunnach a dh’ fheumadh i fuireach. Chuir i uimpe deise boireannaich, ach cha b’ fhada rinn i a mealtainn. Air an ath latha b’ aithreach leatha gu’n do ghéill i do luchd a geur-leanmhainn. C’arson a rinn i an nì mì-cheutach so gun chead iarraidh no fhaighinn o a “guthannan?” Gun dàil thill i air a h-ais dh’ ionnsuidh na culaidh a bha mar fhiachaibh oirre chaitheamh le àithne nan naomh agus nan aingeal. Fhuair na Sasunnaich so am mach. An còrr fathamais cha robh ri thoirt dhi. Air an 30mh de’n Chéitein, 1431, chaidh a giulan a rithisd do mheadhoin na sràide, agus bha sluagh anabarrach mór an làthair. An uair a chunnaic i an connadh thàinig tiomadh air a h-anam. “Cha deachaidh mo chorp riamh a thruailleadh, ach tha e an diugh ri bhi air a losgadh gu luaithre.” Mar so dh’ éigh Jeanne bhochd agus a corp agus a spiorad a’ criothnachadh agus a’ fàillingeachadh. “B’ fhearr leam,” thuirt i a rithisd, “an ceann a bhi air a chur dhiom seachd uairean na bhi aon [TD 66] uair air mo losgadh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Dia an aghaidh na h-eucoir a th’air a deanamh orm.” Chaidh an leus a chur ris a’ chonnadh, agus, an ùine ghoirid, bha an toit dhòmhail, dhubh a’ dorchachadh an adhair. Dh’ iarr i crois a thoirt am mach ás an eaglais a chum is gu’m biodh a sùil oirre mar a bhiodh i dol gu bàs. Chaidh so a dhiultadh dhi; ach ghlac aon de na saighdearan Sasunnach sgonn de shlait, bhris e i ri a ghlùn na dà leth, agus cheangail e an dà mhìr gu cabhagach ri chéile. Chaidh a’ chrois so a chumail suas ma choinneamh na caileige mar a bha na lasraichean ’ga cuartachadh. Chualas i gu tric a gairm air Iosa; agus, leis an ainm naomh so air a bilean, thug i suas a spiorad. Thuirt Iain Tressat, fear-ionaid Righ Shasuinn—“Tha sinn uile caillte, oir loisg sinn ban-naomh!” Fhuair na Sasunnaich an toil, agus a nis dh’ fhaodadh am feachdan dol air an aghaidh. Cha robh móran buaidh leo an déigh a’ ghniomh chiorramaich ud; agus, mar a dh’ ìnnseadh roimh làimh leis a’ Mhaighdin, chaidh an sgiursadh gu h-ealamh am mach ás an Fhraing. An ceann fhichead bliadhna, chaidh cùirt ùr a chur air bonn air son fìor chliu na Maighdine fhaighinn am mach. Cha robh buaidh na b’ fhaide aig na Sasunnaich thairis air na Frangaich, agus dh’ fhaodadh ciall, ceartas agus onair an guthannan a thogail. Bha cuid de na breitheamhnan marbh, ach bha móran dhiubh fhathasd air mhaireann. Chaidh gathan de sholus dealrach a thilgeadh air beatha agus giulan Jeanne o a breth gu a bàs, agus [TD 67] cha robh ri fhaicinn ach caomhalachd, banalas, bàighealachd agus eireachdas. Chaidh a chur am mach á teagamh gu’n d’ fhuiling i gu neo-chiontach; agus, a bharrachd air a beatha bhi ionraic, gur i a bha ’na meadhoin air an Fhraing a theasairginn o chumhachd nan Sasunnach. Chaidh a h-ainm agus a cliu a ghlanadh o gach sgleo agus smal, ach bha e eu-comasach am marbh a thoirt beo. Chaidh a bràthair a dheanamh na ridire, agus chaidh a càirdean fhiosrachadh le iomadh meas agus urram. An déigh Ar-am-mach na Frainge, is beag gu’n robh baile anns nach deachaidh carragh a chur a suas mar chuimhneachan air a’ Mhaighdin. Thug mi seachad am briathran aithghearr eachdraidh iongantach Jeanne d’Arc. Is alladh gun chliu am feasd air baile Rouen gu’m b’ann an taobh a staigh de a bhallachan a chuireadh i gu bàs. Is e an t-ionad san robh i air a cumail an cuibhreach Gethsemane na Frainge, agus is e an t-àite san do losgadh i Calbhari na h-àirde n-iar. Bidh a luchd-dìtidh air an cumail air chuimhne mhaireann sa cheart rathad sam bheil Caiaphas, Herod, agus Pilat. AONGHAS MAC EANRUIG. [TD 68] Rob Ruadh Mac Griogair. CHA’N eil mi cho amaideach is gu’m bheil mi an dùil, ann a bhi sgrìobhadh nam briathran so mu thimchioll Roib Ruaidh, gu’m bheil mi a’ cur clach ’na chàrn. Cha bhiodh sin ach mar gu’m fàgadh faoileann slige ghuileig air mullach beinne. Tha ’ainm, mar tha, cho dealrach; a ghnìomharra cho iomraideach; a chliù cho sgaoilte is nach dean moladh a thogail suas, no càineadh a leagail sìos. Is e a b’àill leam, math ri m’ chomh-luchd-turuis, ar n-anail a ghabhail car mionaid ri taobh an ròid gu bhi gabhail sonas ’na àileachd, ionadh ’na threunachd, misneach ’na bhuaidh. “Labhraidh na marbh.” ’S e so a tha Rob Ruadh ’na bheatha ag ràdh: “Is iad àmhgar, cruaidh-ghleac, ìobairt, rongaisean an fhàraidh air an éirich ’anam gu glòir.” Am measg nan daoine mòra a thug glòir do Albainn tha dà Rob—aig na Goill, Rob Burns, am bàrd; aig na Gàidheil Rob Ruadh, an curaidh. Agus cha’n ann air son gu’m bheil e air dheireadh air ann am mòrachd a tha cuimhne Roib Ruaidh air a leigeil bàn, am feadh a tha cuimhne Roib Burns air a chumail uaine; ach do bhrìgh gur ann am facal a bha Rob Burns mór, am feadh is ann an gniomh a bha Rob Ruadh mór. Tha fios aig an t-saoghal nach eil uiread oilbheum ri fhaotainn ann an géiread [TD 69] facail agus tha ri fhaotainn ann an cudrom gnìomh. Bithidh Maois sàbhailte gu leòir cho fada ’s nach dean e ach labhairt an aghaidh an droch mhaoir Eiphitich; ach an uair a mharbhas se e, agus a dh’ fhalaicheas e a choluinn ’s a’ ghainmhich théid a bhrath do’n tighearna leis an Israeleach a shaor e, agus feumaidh e teicheadh le bheatha do’n fhàsaich. Ann a bhi labhairt air Rob Ruadh, buinidh dha samhladh mór. Air an aobhar sin, gabhaidh sinn a’ bheinn a dhealraicheas a’ ghrian air a h-aghaidh, am feadh a bhitheas na sléibhtean mu’n cuairt air an slugadh suas ’s a’ cheò luasgaich. Ann am mórachd stéidh na beinne sin feuch mórachd an dream o’n d’éirich ar curaidh. Troimh na linntean céin gun àireamh tha’n cinneadh do’m buineadh e air am faotainn cruaidh, falain, treun mar a’ chraobh-ghuthais is suaicheantas dhaibh, a dh’ aindeoin stoirm, foirneart, beum-sléibhte molachaidh, tuil làmhchas-làidir, is tric a thàinig orra, agus, le còir a’ chlaidheamh, an aghaidh sgrios nam banna-sgrìobhta rìoghail, a’ gleidheil an oidhreachd, mar fhuair siad i o’n athraichean, a chum is gu’m biodh an sliochd beò ’s an tìr. “Cnuic is sluic is Arthuraich, ach c’àit’ an d’fhàg thu Alpainich.” Cha’n eil e air iarraidh oirnn ar sinnsearachd a thaghadh; ach tha e am fiachaibh oirnn a bhi dìleas do chliù ar n-athraichean, agus a bhi leanail dlùth ’nan ceum. ’Nar cùrsa ’s a’ bheatha so, bitheadh e air aithneachadh oirnn gur iad na Gàidheil thréin air nach cuireadh nàmhaid cuing, nach tréigeadh caraid, a bha riamh misneachail ann an cruadail, seirceil ann an là na buaidh, dhilis, chaoin, ar n-athraichean. [TD 70] Mar aois na beinne, tha maireanachd cliù Roib Ruaidh. Nuair a bha e beò air thalamh, cha do shaoil a chompanaich móran dheth. Tha aobhar math air a shon sin. Ann a bhi dlùth dha bha iad a’ faicinn a lochdan, a bha mór agus lìonmhor gu leòir, ’nan uile shoilleireachd gach là, a’ milleadh glòir a mhaith. Nuair a tha sinn dlùth do’n bheinn, chì sinn na creagan cruaidh agus na slochdan domhain a’ cur droch shealladh oirre; ach nuair a tha i fada bhuainn tha iad sin air an slugadh suas ann an glòir a’ phurpuir anns am bi i a’ dealradh. Is ann fada uaipe, is cha’n ann dlùth dhith, a chì thu dé cho àrd ’s a tha a’ bheinn. Is i a’ bheinn dà chuid a bheir fasgadh air thalamh, agus beannachadh o néamh. “Togaidh mi mo shùilean chum nam beann o’n tig mo chobhair.” Ann am meadhon fàsaich Shahara bheireadh aon bheinn air tìr uaine éirigh suas mu timchioll. Air na Gàidheil, cha d’ thàinig là riamh is motha mhaoidh air an cur á bith na là Roib Ruaidh; agus, ged is beag taing a tha aige air a shon, cha robh duine riamh ann is motha bha ’na bhalla-dìon na esan. Cha’n eil na siantan a’ milleadh dreach na beinne; is ann a tha iad a’ meudachadh a h-àilleachd. Na sgoran geur tha iad a’ grinneachadh. A’ mhòinteach dhubh, an talamh dearg, an sgàrnach bhreachd—seadh a’ bheinn gu léir—tha iad ag éideadh le trusgan air a lasadh le goirm is geal, le buidhe is uaine cho òirdheirc is nach fhaod e bhi air a shamhlachadh air aodach-cainbe leis an tì is grinne làmh. Am fasgadh an t-sneachd a chrùnas i, mar neamhnaidean ’s a’ choron rìoghail, gheibh thu dìdheanan grinn an [TD 71] earraich a’ sealltuinn am mach air an t-saoghal le sùil cho gàireach thoillichte ’s a gheibh thu anns a’ ghleann is fasgaiche ’s an tìr. Na’s mò na sin cha do dhrùidh na h-euceartan a dh’ fhulaing Rob Ruadh air, no na còmhragan ’s an do ghabh e pàirt gu’n tilleadh, gu bhi g’a dhèanamh ’na dhuine crosda, gulmach, dùr. Is ann a bhris iad a sìos e gu bhi ’na dhuine simplidh, ciùin, caoimhneil. Cha robh e na bu teinne air fear na fòirneart gu luigheachd iomchuidh a thoirt dha, na bha e caoin ris an dìobrach, aig gach àm, a’ deànamh na bha ’na chomas air son na bantraich, agus an dìlleachdan a chuideachadh ’nan éiginn. A réir a sholuis, a neirt, agus a chothruim, bha Rob Ruadh ’na là aig gach àm air fhaotainn dìleas, seasmhach, cruaidh; agus is e ar cuid-ne a nis ’nar là féin, le uile dhìchioll ar dà làimhe, a bhi cur air aghaidh na h-oibre a chaidh a chur am mach dhuinn. Ann am shùilean-sa, cha’n eil nì air bith ’s an t-saoghal so cho mìorbhuileach ri fuar-chràbhadh coitcheann na tìre so. A réir a’ chreidimh so, tha e ’na nì diadhaidh dhuit do chòir a thagradh air néamh, ach ’na nì aingidh a leigeil ort gu’m bheil thu a’ faicinn an talaimh idir. “Nach ann agaibh tha am bàrr math am bliadhna?” thuit mi ri croiteir là. “B’ fheàrr leam,” fhreagair e, “nach robh e cho math.” “Carson sin?” “Tha e toirt m’ aire còrr uair thar an leabhair.” Is aoibhneach leam a bhi fòghlum gu’n do sheas ar curaidh gus a chrìch, agus gur ann mar so a bha, [TD 72] DOL SEACHAD ROIB RUAIDH. Air leabaidh a’ bhàis bha Gu sàmhach Rob Ruadh, ’S le cridheachan cràiteach Shuidh ’chairdean mu’n cuairt, A steach orr’ do’n fhàrdaich Gu fàilidh, gun fhuaim, Gill’ òg nuair a thàinig ’S e ’g ràdhtuinn nan cluais: “MacLabhrainn thug òrdadh Dhomh fheòraich am bì Mac Griogair ’toirt còir dha Tigh’nn fòs ann an sìth, Gun chuimhne na’s mò bhi Air dòmhlas na strì A bh’ aca gu leòmh’nta Dol còmhladh ’s an t-slìgh’.” Deir Rob: “Faighibh m’ éideadh,” ’S e ’g éirigh le spàirn, “Mo bhreacan is m’ fhéile, ’S ri m’ shléisd biodh an t-arm; An nàmhaid a léir mi Le h-euceart a ghnà Gu m’ fhaicinn am shléitrich Cha’n fheum bhi gu bràth.” [TD 73] Gach nì mar a dh’ iarr e Bha dèanta ’s an uair, ’S MacLabhrainn chaidh fhiachadh Am fianuis Roib Ruaidh; Ach feuch mar an t-iarunn An iargain bha cruaidh, ’S a dh’ aindeoin deadh bhriathran Iad riarach’ cha d’fhuair: “A Ghriogaraich ghràdhaich, Ged bha sinn ’nar ré Ri agaidh nam blàraibh A ghnà ’n aghaidh ’chéil’ An diugh ghabh mi dhànachd Tigh’nn làmh riut chur seul Air sìorr’eachd ar càirdeis O’r ’n àit’ sinn mu’n téid.” “MhicLabhrainn, mo mhùirnean, Air chùl biodh gu bràth Gach aimhreit is tnù bha ’Nar cùrsa ’g ar cràdh, ’S ’nan àite deadh rùintean, As ùr dhuinn gu’m fàs Gu dearbhadh mo dhùrachd Cha diùlt mi mo làmh.” MacLabhrainn do thriall e Trom, cianail, gu leoir, Le mhuilcinn ’s e siabadh O fhiasaig na deòir; [TD 74] B ’e fìor chuir am fiachadh Gu’n dèanamh aon stoirm A chraobh thoirt o fhriamhan ’Rinn bliadhnachan mór. “Am filidh,” Rob Ruadh thuirt, “Bheir nuall air a’ phìob, ’Toirt dhuinn a’ phuirt uaibhreach, Mar fhuair e—‘Cha till, Cha till mi o’n chuairt so La tuasaid no sìth’— Is m’ anam bith’ gluasad Gu suaimhneas gun chrìch.” Am port thogt’ an àird dha Gu tlàth-theirmeach, grinn— “Le buaidh o na blàraibh Gu bràth cha tig mi”— ’S am builsgean a’ mhànrain Bho àit’ ann an tim, Ghabh spiorad an àrmuinn Gu Pàrras a shlìgh’. ’S e sud mar a chrìochnaich Gu sìtheil an sàr A chùrs’ ’bhi ’s ’na mhiorbhuil ’S an tìr so gu bràth; A shaorar ’s a dhìtear, ’Gheibh mì-run is gràdh, Ach glòir do nach dìobair Na rìoghalachd stàid. [TD 75] Air lic ainm is aois-san Be’n fhaoineis bhi geàrrt’; Càrn-cuimhne gun chlaochladh Beinn Laomainn ni dha, Gun sgriobhadh na h-aonaich Tha daonan ag ràdh— “Rob Ruadh chaith a shaoghal Le dhaoine fo m’ sgàil’.” Neo-choireach an treun bhi Mo shéisd-sa cha luaidh; Ach, feuch! mar ghath-gréin’ air Na sléibhtean ’cur snuadh, Tha’n caoimhneas do’n éigneach, E féin ’nochd gach uair, A’ dèanamh dhuinn éibhinn Gur Céilteach Rob Ruadh. DOMHNULL MACCALUIM. [TD 76] Dàn-Cluiche Cinneachail Gailig. BU mhiann leam an seadh is farsuinge a thoirt do na facail “Dàn-Cluiche Cinneachail.” Cha’n eil mi a’ cleachdadh nam briathran a thaobh dàin-chluiche a tha a deanamh sgeòil air earann bheag a mhàin de eachdraidh cinnich. Ni mò tha mi a ciallachadh tighean-cluiche air an cumail suas air chosguis na stàta. Ach is e an seadh a bheirinn do na facail, meur de litreachas a ghabhas cur an riochd, agus a tha aig an àm cheudna a deanamh ath-aithris eagnuidh air gach cor agus priomh-chleachdadh ann an eachdraidh nan Gàidheal. Is ann de’n cheart ghnè so a bha dàn-chluiche na Gréige bho shean. Chaidh solus ùr a chur air na h-ursgeulan aosmhor le luchd-dealbh nan dàn-chluiche—le Aeschylus, Sophocles, agus Euripides. Fo làimh nan ughdaran ainmeil sin thugadh beatha nuadh do bheul-aithris nan Gréugach. An tlachd a bha aig na diathan ann an sluagh agus fearann na Gréige; cliù nan gaisgeach air bilean nam bàrd; eachdraidh nan tighean rioghail a bha ’g an sloinneadh féin air cumhachdan a b’ àirde n’ an cinneadh-daonnda—is ann bho chuspairean mar iad sin a fhuair muinntir na h-Aithne fearachadh air beatha chinneadail aig an robh a sinnsireachd cian nan cian air ais roimh thoiseach eachdraidh. Anns an t-seadh fharsuing so, cha’n eil cluich- [TD 77] dhàn Shasuinn de’n ghnè chinneachail. Tha luchd-àitichidh Shasuinn an diugh air an tarruing bho iomadh treubh; agus cha d’thug a’ mhór-chuid de’n t-sluagh aire shònruichte do’n bheul-aithris aig treubh dhiu sin seach a chéile. Is e Beowulf ’n a aonar an aon dàn a tha a nis air sgialthaobh de fhior sheann litreachas nan Sasunnach. Gidheadh cha b’ann le beul-aithris, ach le sgrìobhadh a chaidh a chumail air chuimhne. Agus cha d’ rinneadh feum dheth ann an cluich-dhàin Shasuinn. Tha sin a nochdadh nach eil cluich-dhàin Shasuinn a’ gabhail suim de sheann eachdraidh na dùthcha. Mar thoradh air an dearmad sin, tha cliù nan linntean gaisgeil a dol bàs; tha ursgeulan agus bàrddachd na seann aimsir a’ dol air dìchuimhe; agus tha an sluagh miosgaichte a’ call éud agus iomradh a thaobh gach nì a bha ionmholta ’n an sinnsir. Chithear an dearmad so gu soilleir anns na dàin-chluiche Beurla a chaidh a sgriobhadh ri linn Ban-righinn Ealasaid. An uair a bhiodh na h-ùghdaran foghainteach a bha beò ’s an latha sin a’ sireadh cuspair an taobh a mach de’n ginealach féin, thaghadh iad ni-éigin a bhuineadh do na Linntean Meadhonach, ar neo bhiodh iad air an treòrachadh air ais, fo bhuaidh ath-bheothachadh an fhoghluim, gu fiosrachadh nan Ròmanach agus nan Gréugach. An dà dhàn-cluiche, Lear agus Cymbeline, a tha a mhàin air an dealbh air sean ursgeulan nan eilean so féin, tha iad air an tarruing, cha’n ann bho eachdraidh nan Sasunnach, ach bho eachdraidh nan Cuimreach. Agus ma bha na h-ursgeulan Cuimreach sin freagarrach gu bhi air an suidheachadh [TD 78] ann an cruth dàn-cluiche, carson nach biodh na seann sgeulachdan Gàidhealach, an Eirinn agus an Alba, a cheart cho iomasglach anns an t-seadh so ri ursgeulan nan Cuimreach? Tha na h-uile coltas gu bheil iomradh Chuchulainn agus ghaisgich na Craoibhe Ruaidhe dluth air dà mhíle bliadhna dh’ aois. Faodaidh an Gàidheal da rìreadh a bhi taingeil gu bheil eachdraidh a shinnsir air a cumail air chuimhne bhuan le beul-aithris nan ginealach. Ach cia mar a bheirear an litreachas a tha toirt cunntas mu na linntean gaisgeil sin gu bhi a chum ùrachadh do mhuinntir an latha ’n diugh? An deanar sin le bhi beachdachadh air cuibhrionn de’n t-sean bhàrdachd a mhàin? An deanar e le bhi a’ sònruchadh earrannan a tha ro-bhinn agus maiseach? Cha deanar! Cha’n eil rainn thaghta de’n t-sean bhàrdachd ach mar neamhnuidean a tha toirt eàrlas air luach an ionmhais litreachail. Ni mò a bheirear beachd cothromach air luach an ionmhais le sgeulachd air a h-innse no air a sgriobhadh anns an dòigh choitchionn. Cha’n eil modh na sgeulachd éifeachdach gu leòr, oir tha e ’buntainn ris a’ chluais a mhàin. A chum gu’m bi aire a’ Ghàidhil air a glacadh cha’n uilear gu’m bi a shùil air a cleachdadh cho math ri ’chluais. Cha’n uilear gu’m bi macmeanmna air a bheothachadh le riochd nan ginealach a chaidh seachad; le dealbh cleachdaidhean nan sinnsir air a cur gu litireil an gniomh fa chomhair nan sùl. Agus a chum na crìche shònruichte so, cha’n eil meadhon is freagarraiche na an dàn-cluiche Gàilig. Chuireadh am meadhon so gu h-eagnuidh an céill maraon cruth nan sean [TD 79] ghinealach do’n t-sùil, agus beartas an t-seann litreachais do’n chluais. Bhiodh buaidh agus beatha as ùr air am buileachadh air na seann sgeòil; gheibhte cunntas ceart air na rinn ar n-athraichean anns an àm a chaidh seachad; agus bheirte beachd misneachail air na dh’ fhaodamaid a dheanamh anns na bliadhnaichean ri teachd. Ann a bhi ’beothachadh na cuimhne chinneachail bhithte aig a’ cheart àm a’ dùsgadh dòchas cinneachail mar an ceudna. Faodar aideachadh nach biodh dàn-chluiche cinneachail a chum buannachd shaoghalta do’n Ghàidheal. Cha chuireadh sud òr no airgiod ’na char. Ciod e, mata, am feum a dheanadh an nì so dha? Is e am feum sònruichte a dheanadh so dha, gu’m biodh a leithid so de nì ’na mheadhon air a dhion bho dhà chunnart a tha gu mór a’ bagairt air. Is e a’ cheud chunnart diu sin gu bheil e buailteach air e féin a chall, agus a bhi air a shlugadh suas am measg chinneadh eile. Ann a bhi a dearmad a chànain mhàtharail tha e maille ri sin a dearmad “na carraig bho ’n do bhuinneadh e.” Is e an nì is riatanaiche do’n Ghàidheal an diugh gu’m biodh e an còmhnuidh a’ cumail air chuimhne spiorad a shluaigh féin, air eagal mu’n caill e a chòir-bhreith. Cia dìblidh, tàireil, an neach sin a chaill a mheas air spiorad a shinnsir! Cha Ghàidheal e, agus cha Ghall e. Agus cha ghabh Sasunnach duineil ris mar Shasunnach. Their a leithid sin de neach gur e an saoghal mór a dhùthaich, agus an cinneadh-daonnda air fad a shluagh. Ach is tearc a rinn a leithid sin de neach móran feuma riamh d’a mhuinntir [TD 80] no d’a dhùthaich. Tha crìoch nàdurrach air a tarruing eadar cinneach is cinneach. Chithir an t-eadar-sgaradh ann an cainnt, an cleachdadh, agus an litreachas. Agus anns an t-seadh so tha an Gàidheal eadar-dhealaichte bho gach muinntir eile. Cha’n eil mi idir a’ dol cho fada is gu’n canainn gu’m bu chòr an t-eadar-dhealachadh mór so a bhi ’seasamh ann an gnothuichean riaghlaidh siobhalta; ach tha e iomchaidh aig an àm cheudna gu’m biodh an Gàidheal a’ cumail greim daingean air na nithibh is luachmhoire ann an nàdur a mhuinntir. Agus is e am feum sònruichte a dheanadh dàn-chluiche Gàilig—a bhi ’cur gu riochdail an gniomh fa chomhair a shùl nam feartan agus nan subhailcean a bhuinneadh d’ a shinnsir. Is e an dara cunnart a tha bagairt air a’ Ghàidheal—gu bheil e so-aomta gu bhi call neart agus fior-ghlaine a mhacmeanmna. Is e an t-aobhar, gu bheil e mar is trice air a chuartachadh le strì agus ùpraid an tòir air saoibhreas. A latha agus a dh’ ’oidhche is gann gu bheil nì is ionmholta a’ tighinn gu a shùil agus gu a chluais na malairt agus buannachd aimsireil. Tha na nithibh sin, mar is math tha fios againn uile, glé fheumail ’n an àite féin. Ged a tha iad an còmhnuidh ’nam buaireadh anns gach suidheachadh, gidheadh tha iad ’n am buaireadh agus ’n an cunnart comharraichte do’n Ghàidheal. Tha sin mar sin a thaobh a’ chor anns am bheil e ’g a fhaotainn féin an diugh. An uair a tha an Gàidheal ag ionnsachadh foghluim agus iomadh ni prìseil bho mhuinntir eile, is e a’ bhochduinn gu bheil e aig a’ cheart àm a call a ghreim agus a mheas air na [TD 81] nithibh is glice agus is prìseile a bhuinneadh d’ a mhuinntir féin. Nochdaidh mi ciod e tha mi a’ ciallachadh le bhi a beachdachadh air eisimpleir a tha tuilleadh is cumanta. Seallamaid air òganach a chaidh a bhreith is àrach ann an ceàrn anns am bheil fathast an t-sean chainnt air a labhairt, agus na sean chleachdaidhean air an cumail suas. Gabhaidh an t-òganach a thurus gu Galldachd, agus cha’n fhada gus an tog e dòighean a’ bhaile-mhóir. Tha e measgachadh leis a’ chomunn, agus a fàs eòlach air na gnàthan ùra a tha tachairt air. Ann an ùine gun a bhi fada bidh e cho foghainteach, seòlta ris gach dala fear ann an comh-dheuchainn na beatha so. Tha gnothuichean saoghalta a’ dol leis gu math, agus is aobhar uaill d’a chàirdean gu bheil e cho soirbheachail. Ach mo thruaighe, is ro choltach gu bheil beud agus call ag éirigh dha féin aig an àm cheudna. Tha e ’call, a chuid ’s a chuid, nam faireachdaidhean tiorail agus am macmeanmna beothail a bha buailteach dha ann an làithean ’òige. Aig toiseach a thurais, bha e cleachdta ri bhi cluinntinn nan sgeulachd agus na bàrdachd a thàinig a nuas le beul-aithris nan ginealach. Tha fios gu math gu bheil buaidh air leth aig na nithibh sin gu bhi foghlum nam faireachdaidhean agus am macmeanmna. Ach a nis, air do’n òganach so fàs ’na dhuine anns a’ bhaile-mhór, tha na h-uile coltas gu’n do leig e na nithibh sin air dìchuimhne. Tha beàrna mhór eadar an cor anns am bheil e nis agus an cor anns an robh e uaireigin. Tha sin fìor a thaobh obair cinn agus obair làimhe. Ach tha e mar an ceudna fìor a thaobh na nithibh anns [TD 82] am bheil e faotainn fuasglaidh agus toil-inntinn bho a shaothair. Tha an fhearas-chuideachda anns am bheil e a nis a’ gabhail tlachd gu tur eadar-dhealaichte ’n a gnè bho ’n cheòl-gàire a bheireadh subhachas dha an tùs ’òige. Tha beatha an duine so uime sin air a roinn ’na dà earrainn—a’ cheud chuid dhith air a cumadh fo bhuaidh na Gàidhealtachd, agus a’ chuid eile fo riaghladh spiorad a’ Ghoill. Is ann aig a leithid sin a dh’ uair a bhiodh dàn-chluiche Gàilig a chum cuideachadh agus ùrachadh dha. Bheirte air an ais gu a chuimhne làithean ’òige le ’n uile ghreadhnachas; bhiodh a chridhe air a cheangal as ùr r’a dhùthaich féin; agus bhiodh fhaireachdaidhean agus a mhacmeanmna air an cumail gun bheud am measg malairt is còmhstri a’ bhaile-mhóir. Mhothaich cuid de sgriobhaichean glice gu bheil air uairibh adhart iongantach a’ tighinn air litreachas cinnich a thàinig troimh dheuchainn cogaidh. Is ann mar sin a thachair anns a’ Ghréug an déidh a’ chogaidh an aghaidh na Peairse, agus ann an Sasuinn an déigh a gleachd ris an Spàinn. A réir an eisimpleir cheudna is coltach gu’n tig iomadh atharrachadh air litreachas nan dùthchannan Eòrpach a tha an diugh a’ cur an céill an uile neart ri uchd catha. Anns an rioghachd so féin chithear a cheana gu bheil féin-aicheadh, agus iomadh subhailc eile ’g an nochdadh féin as ùr mar thoradh air na h-àmghairean gus am bheil an sluagh air an gairm. Is dualach mar an ceudna gu’m faicear cuid de na subhailcean sin ’gan deanamh aithnichte air mhodh nuadh anns na litreachais Eòrpach. Chithear gun [TD 83] teagamh an caochladh so anns an dàn-chluiche mar anns gach meur eile de litreachas. Dh’ fhaodte uime sin dàn-cluiche Gàilig a mhisneachadh anns an linn ùir a tha dlùth air làimh—linn anns am bidh (tha sinn ’an dòchas) gnàthan agus beusan air an àrdachadh an déidh gach trioblaid troimh an d’ thàinig an sluagh. Air an latha ’n diugh, an uair a tha beatha agus inntleachd na Roinn Eòrpa a caochladh air dhòigh nach fhacas riamh a comharta, tha cothrom ùr aig a’ Ghàidheal gu bhi ’taisbeanadh nam buadhan inntinn is spioraid a tha cho dualach dha. Ann an ùine ghoirid, bidh tuigse agus aignidhean an t-sluaigh deas gu bhi deanamh greim air nìthean annasach ris nach robh iad cleachdta. Is e sin an cothrom a bu chòr a ghlacadh gu bhi cur fo chomhair a’ Ghàidhil nan smuaintean agus nan iarratus a bha uaireigin cho beò, blàth, ann an uchd a shinnsir. Tha aon ni cinnteach—gu bheil a’ bhreug agus an fhoill an diugh air fàs cho suarach, neo-mheasail agus gu’m feumar luach as ùr a chur air bòid agus briathar. Ri linn ar sinnsir b’ àbhaist do fhacal gaisgich a bhi cho urramach, seasmhach, ris a’ ghaisgeach féin. Agus is ann mar sin a dh’ fheumas a bhi anns an àm ri teachd, ma tha onair a’ dol a mhairsinn air thalamh am measg dhaoine. Dheanadh dàn-chluiche Gàilig seirbheis shònruichte le bhi càradh cudthrom air soluimteachd a’ mhionnan a chaidh a dhaingneachadh le bann cùmhnanta. Is ann de’n ghnè sin a tha na moraltan is fearr a tha air an nochdadh ann an litreachas na Gàilig. Anns an linn ùir, bidh mar an ceudna pilleadh a chum a bhi beachdachadh air obair Nàduir, agus [TD 84] bidh àicheadh air a dheanamh air iomadh nì feallsa gun bhrìgh. Is gann gu’m b’ urrainn caochladh teachd a bu mhò a gheibheadh a dh’ fhàilt na sin, am measg luchd labhairt na Gàilig co dhiù—maise agus diomhaireach Nàduir, air muir is tìr, air cuan is raoin is beinn, mar a chaidh gach maise dhiu sin a sheinn is a luaidh ann am bàrdachd agus ann an sgeòil nan Gàidheal. Cha’n eil fada bho na b’àbhaist do bhàird is do sgrìobhaichean a bhi cur feum, araon ann an rann is an rosg, air comhsamlachdan bho’n t-seann litreachas. Beagan is mu leth-cheud bliadhna air ais cha bhiodh tilleadh sam bith air na bàird a bhi tarruing bho na seann sgeòil mu Chuchulann, mu Fhionn, agus mu Dhiarmad, gu bhi cur solus air a’ phuing a bhiodh iad a’ laimhseachadh. Is tric a rinneadh sin gu h-eirmseach, abartach, agus bhiodh an luchd-leughaidh a’ tuigsinn gu math ciod a bhiodh an t-iomradh a’ ciallachadh. Leis a’ mheadhon so bha dlùthcheangal air a chumail suas eadar an seann litreachas agus an ginealach a ta beò; agus bha rann is rosg na h-aimsir a ta làthair a’ faotainn snas is inbhe le earrannan taghta bho na seann sgeòil. Ach mu mheadhon an naoidheamh linn deug thòisich an cleachdadh so ri dhol gu mór air dearmad, gu h-àraidh ann an Alba. B’e an t-aobhar gun teagamh air an atharrachadh sin gu bheil gnàth is dòigh na Beurla a’ faotainn làmh an uachdar am measg nan sgrìobhaichean Gàilig. Ach cia b’e air bith an t-aobhar, tha e soilleir gu bheil rosg is rann air an lagachadh agus a’ call móran de’m brìgh mar thoradh air an dearmad sin; [TD 85] agus gu bheil mar an ceudna an dlùthcheangal a bu chòr a bhi eadar saothair ar sinnsir is ar saothair féin ’g a shior-fhuasgladh agus a’ dol am mugha. Ach bhiodh e comasach do dhàn-cluiche Gàilig an dearmad mi-fhortannach so a leasachadh. Bhiodh ùigh agus aire nam bàrd air an tionndadh a ris gu bhi deanamh feum de chuibhrionn de na seann dàin; bhiodh aonachd is càirdeas air am buileachadh maraon air na seann sgeòil, agus air saothair litireil a’ ghinealaich so féin; agus bhiodh an inntinn choitchionn air a beartachadh le tachartais is iomraidh bho eachdraidh nan linntean gaisgeil. Is fìor gu bheil earrann mhór de lìtreachas na Gàilig air a ghlasadh suas ann an cruth cainnte a tha dorcha do Ghàidhil an latha ’n diugh. Ged a thuigeas Gàidhil Albann is Eirinn cànain an athraichean mar a tha i air a labhairt aig an àm so, gidheadh is e àireamh ro bheag dhiu a shaothraich gu bhi faotainn eòlas air a cheart chànain mar a bha i air a labhairt is air a sgriobhadh bho chionn còrr is mìle bliadhna air ais. So mata seirbheis àraidh a bhiodh e comasach do dhàn-cluiche a dheanamh do ar ginealach féin. Dh’ fhaodte, air a’ mhodh so, na briathran aosmhor a tha air an tasgadh anns na seann rolaichean a chruth-atharrachadh gu cainnt an fhicheadamh linn. Is cinnteach gu’m biodh so annasach air a’ cheud oidheirp, ach cha ’n eil fhios carson nach biodh am meadhon sin measail aig an t-sluagh. Tha e dearbhta gu’n do nochd an Gàidheal iomadh uair a chomas air a bhi gabhail eòlais air litreachais muinntir eile. Ghlac e ann an tomhas mór greim [TD 86] làidir air litreachas nan Sasunnach, nan Ròmanach, agus nan Gréugach. An uair a bha a litreachas dùthchasail féin air a ghlasadh suas mar a thubhairt mi, rinn e greim air an ionnsachadh sin a bha fosgailt dha. Rinn e greim air an ionnsachadh sin, cha b’ann a chionn gu’n robh e ni b’ àirde na foghlum a shinnsir féin, ach a chionn nach robh e cho duilich dha na cainntean sin a thogail a bha coitchionn do iomadh cinneach eile mar an ceudna. An déidh na h-uile nì, is e a ghliocas dùthchasail féin is nàdurraiche gu mór do’n Ghàidheal. Tha an seann eideachadh Gàidhealach a’ taisbeanadh gu soilleir nam buadhan àraidh a tha comhcheangailte ris a’ Ghàidheal. Bu chòr gu’m biodh sud cho taitneach leis agus cho buannachdail dha ri gaoth fhiorghlan nam beann. Ged a ni Beurla a’ chùis do’n Ghàidheal ann an gnothuichean malairt, gidheadh tha nì éiginn ’n a nàdur nach urrainn do chainnt nan Gall a shàsuchadh. An trusgan cainnte anns an robh spiorad a’ Ghàidhil air éideadh air tùs, am bheilear a nis a’ dol a thilgeadh an trusgain sin air falbh mar nì nach fiù, agus an dean sinn oidheirp air spiorad a’ Ghàidhil éideadh ann an culaidh nach eil dualach dha? Ged a tha litreachas nan Gall gun teagamh mór agus cumhachdach, gidheadh tha buadhan anns a’ Ghàidheal nach eileas idir a’ gairm am follais le litreachas nan Gall. Agus is ann mar a bhios an Gàidheal ann am beò-cheangal ri inntinn a shinnsir féin a bhios e comasach air a bhi ’nochdadh a bhuadhan sònruichte—mar a ta deòthas a mhacmeanmna, is an loinn neo-thalamhaidh a bhuineas do shaothair nam bàrd bho shean. Ma [TD 87] tha Gàidhil an latha ’n diugh riaraichte gu’m biodh iad air an dùnadh a mach bho na nithean sin a tha cho dualach dhaibh, agus mur a bi na ceart bhuadhan a dh’ ainmich mi air an cur gu feum, is fior gu’n téid na buadhan sin bàs a chion cleachdaidh. Ach air an làimh eile, n’ am bithte le dàin-chluiche Gàilig a’ toirt nan nìthean luachmhor sin fo chomhair ginealach an latha ’n diugh, bhiodh e buailteach gu’m biodh cridhe a Ghàidhil a’ freagairt ’n a chom ri cuimhneachadh na dìleab a dh’ fhàgadh aige; bhiodh a thoil is a dhealas air am brosnuchadh; agus le bhi a’ cur a chomasan inntinn gu na buil a b’ àirde, bhiodh e nì bu choltaiche gu ’n gabhadh an Gaidheal ’àite féin am measg nan cinneach foghlumaite. Tha trì nìthean a tha iomchaidh gu sònruichte airson dàn-cluiche Gàilig anns am biodh suspainn agus cudthrom. Is e a’ cheud nì dhiu sin an sgriobhaiche a bhiodh comasach air na seann sgeòil a chur ann an alt cothromach. Is e an dara ni am fear-gniomha a chuireas e féin ann an cruth is riochd neach eile; agus an treas nì an cànain, a tha mar inneal ann an làimh an sgriobhaiche gu ’bhi a’ cur an céill gu cothromach seadh is brìgh nan sgeul. Cha’n uilear a bhi a’ toirt fa near uime sin co-dhiu a tha an Gàidheal, mar dhuine, foghainteach gu leòr gu bhi a sgriobhadh agus a riochachadh dàin-cluiche; agus, a thuilleadh air sin, co-dhiu a tha a’ Ghàilig ’n a meadhon freagarrach airson na crìche ceudna. Tha cuid de na h-ùghdaran Sasunnach, mar a ta Matthew Arnold, a’ cantuinn gu bheil lethsgod [TD 88] nàdurrach air a’ Cheilteach (an Gàidheal agus an Cuimreach maraon). Is e an lethsgod sin eadhon, gu bheil na faireachaidhean a riaghladh tuilleadh mór is a’ chòir ann an nàdur a’ Cheiltich. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil lagachadh air na comasan-inntinn, a chionn gu bheil na mothaichidhean agus na h-aignidhean ro-luaineach. Tha Arnold a’ cur as leth a’ Cheiltich nach eil breithneachadh no foghaidean gu leòr aige airson na gnè-oibre is àirde ann an inntleachd. Agus, ro thric, bha na Ceiltich riaraichte leis an dìteadh so, a chionn gu’n robh an ràdh air a chomhlachadh le briathran brosgulach a thaobh nìthean a tha ionmholta ann an nàdur a’ Cheiltich. Ma tha na thubhairt Arnold uile fìor, cha ’n fhaodar a bhi cur earbsa air bith anns a’ Ghàidheal mar ùghdar dàn-chluiche. Cha ’n eil mi idir ag aideachadh gu bheil an fhírinn aig Arnold. Cha ’n eil an Gàidheal a dh’ easbhuidh nan toimhsean agus na foghaidean a tha iomchaidh airson obair sgileil ann an litreachas de ghnè air bith. Tha saothair nan sgriobhaichean Eirionnach agus Albannach, a sgriobh iomadh dàn-cluiche bho chionn beagan bhliadhnaichean ann an Gàilig, a’ dearbhadh nach eil iad idir faoin agus socharach a thaobh am beachd air cor agus beusan a’ chinne-dhaonnda. Agus ma shònruicheas sinn eisimpleir àraidh de Ghàidheal Albannach, gheibhear ann an oibribh an Ollaimh Niall Mhic an Rothaich na ceart nìthean a dhearbhas gu bheil Arnold meallta anns a’ bhreith chlaoin a thug e. Anns an leabhar Iain Aluinn gheibhear na buadhan is feumaile airson dàn-cluiche. Cha’n eil éis gliocais air an ùghdar ann a bhi a’ sgaoileadh fa chomhair [TD 89] an leughadair dòigh agus gnè nam pearsachan fa leth anns an leabhar. Ni mò tha cion foghaidean no breithneachaidh air ann a bhi cur nan tachartas an altan a chéile. Dh’ fhaodte dàn-cluiche a dhealbh as an leabhar ud cho grunndail, tonuisgeil ’s a chaidh a sgriobhadh eadhon ann am Beurla féin, anns an linn so. Faodar a bhi’ comhdhùnadh gu bheil an t-eisimpleir so a toirt fiannuis calg-dhìreach an aghaidh a’ bheachd aig Arnold. A chionn ’s gu bheil faireachaidhean beothail aig a’ Cheilteach, tha coigrich air uairibh a smaoineachadh gu bheil e gu tùr fo bhuaidh a chuid faireachaidhean. Cha ’n eil sin mar sin; gidheadh tha aignidhean blàtha cho feumail ri reusan féin ann a bhi toirt breith cheart air beatha an duine. Tha e ro-bhuailteach gu’m bi am beachd a bheirear le reusan a mhàin tuilleadh is fuar, cruaidh, agus neo-thruasail. Tha e iomchaidh uime sin gu’m biodh faireachadh agus reusan a’ còmhlachadh a chéile ann an sgriobhadh an dàin-chluiche. Cha’n eil a mhothaichidhean tiorail ’n an lethtrom sam bith do’n Cheilteach anns na dreuchdan sònruichte anns am bheil tuigse làidir agus comasan reusain ro-iomchaidh. Oir, an uair a bha na rioghachdan so féin ri uchd a cruaidh-chàis a sireadh duine ceannsgalach, breithneachail, a chuireadh a luchd-oibreach an òrdugh a chum crioch àraidh, is nì iongantach leinn nach do thagh i idir Sasunnach, ach Ceilteach, gus an dleasdanas cudthromach so a choimhlionadh. Agus mur eil faireachadh ’n a lethtrom do’n Cheilteach anns na dreuchdan, carson a bhiodh sud ’n a lethsgod dha ann an toirt breith air beatha agus cor an duine mar ann an dàn-chluiche? [TD 90] Is e an dara ni a tha riatanach airson dàn-cluiche Gàilig eadhon am fear-gniomha a chuireas e féin ann an riochd neach eile. A chionn nach robh an t-alt so air a chleachdadh am measg nan Gàidheal cha’n eil iomradh mór sam bith ri’ chluinntin mu’ dheighinn anns a’ Ghàilig. Ach faodar a chantuinn le làn chinnt, gu bheil comasan sònruichte aig a’ Ghàidheal airson soirbheachaidh anns an alt so. Tha aignidhean a’ Ghàidhil so-ghluasadach. Agus a ris a chionn gu bheil a mhacmeanmna beothail, tha e furasda dha sgeul a chur fo chomhair inntinn féin gu dian, drùighteach. Mar sin, an uair a tha macmeanmna beothail, faireachaidhean truasail, agus dealas dian a còmhlachadh a chéile anns an aon phearsa, cha ’n eil e duilich idir d’a leithid sin de neach e féin a chur gu rianail an riochd aoin eile ann an dàn-cluiche. Bha mothachadh soilleir aig ar sinnsir air an eadar-dhealachadh a tha eadar na pearsachan a tha air an luaidh anns na seann sgeòil. Cha bu lugha na tuigse fior-chothromach air a’ chùis a chumadh greim air gnè is dòigh gach pearsa fa leth, co-dhiu is e Cuchulann, no Fionn, no Diarmad. Cha ’n eil nàdur no cleachdadh gach aoin dhiu sin air am measgachadh gu neo-iomchaidh, ged a bha iad uile air an luaidh anns na sgeòil fad cheudan bliadhna. Agus, air an làimh eile, tha móran de litreachas na Gàilig, maraon an rosg is rann, air a dhealbh an cruth còmhraidh. Tha sin a nochdadh ciod e cho nàdurrach ’s a bhiodh e do ’n Ghàidheal e féin a chur gu h-eagnuidh ann an ionad neach eile ann an dàn-cluiche. Ach a thuilleadh air na nithean sin, tha cothrom [TD 91] eile aig a’ Ghàidheal a thaobh an ùr-labhraidh a thàinig a nuas uige mar dhìleab bho na linntean a dh’ fhalbh. Cha d’ thugadh beachd fior-chothromach riamh air a’ mhodh bhlasda anns am b’ àbhaist do na seanachaidhean a bhi ag aithris nan sgeul ’s a seinn nan dàn. Le bhi an còmhnuidh a’ sireadh maise cainnte ràinig iad air alt ciatach, snasmhor, air chor is gu’n d’ éisd an sluagh le tlachd is toil-inntinn ri am briathran. Bha sin uile aithnichte ann an riaghladh an gutha agus an eugais. Agus cha’n eil teagamh nach e so is aobhar air a’ mhodh chùirteil, agus air a’ ghiùlan eireachdail a chuireas iongnadh air coigreach, an uair a labhras e anns a’ Ghaidhealtachd ri luchd-àitichidh na dùthcha sin, ged a bhiodh iad aig a’ cheart àm iosal gu leòr ann an crannchur, agus aineolach gu tur air cainnt a’ Ghoill. An uair a bheirear fa near gur ann glé ainneamh a gheibhear an gnàthachadh suairce so am measg na tuath choitchionn ann an tírean eile, faodar a bhi’ comh-dhùnadh gu bheil na beusan flathail ud nàdurrach do ’n Ghàidheal. Is mór, uime sin, an cothrom a bheireadh na dòighean oileanach so dha, a chum a bhi a’ fàs deas is éifeachdach an alt an fhir-gniomha. Tha móran an crochadh air an dùrachd leis an gabhair an gnothuch so as làimh leis a’ mhuinntir a tha saoithreachadh ann an aobhar na Gàilig. Rinn sgoilearan na h-Eirinn brosnuchadh mór a thoirt do alt an dàin-chluiche anns a’ Ghàilig. Tha sgriobhadairean Albannach a’ leantuinn anns a’ chois-cheum cheudna, agus tha cuid dhiu a’ deanamh suas dàin-chluiche a tha lionneil, beothail. Is mór am beud nach eil [TD 92] an saoithreachadh so air a chur an riochd aig na coinneamhan Gàilig. Tha an dleasdanas so mar fhiachaibh air A’ Chomunn Ghàidhealach. Bu chòr na h-uile cothrom a ghlacadh air a bhi ’misneachadh nan sgriobhadairean sin a dhearbh an làmh a cheana. Agus bu chòir gu’m biodh duaisean air an tairgsinn airson deuchainn ann an alt an fhir-ghniomha. Agus tha meadhon eile ann tre am faodadh an sluagh fàs eòlach a chuid ’s a chuid, air modh an dàin-chluiche. Mhothaich mi gu tric anns a’ Ghàidhealtachd, an uair a nithear oidheirp gu bhi ’toirt fearas-chuideachda le dàin-chluiche, gu bheil sin air a deanamh anns a’ Bheurla. A nis tha so ’n a chall is ’n a mheatachadh mór do’n Ghàilig am measg na h-òigridh. Bu chòr gach aon oidheirp de’n t-seorsa sin a bhi air a deanamh anns a’ Ghàilig. Bhiodh sin a toirt cothrom do’n luchd-gniomha is do’n luchd-éisdeachd a bhi a fàs eòlach air alt is cleachdadh an dàin-chluiche. Is e an treas ni iomasglach a chum na crìche a ta againn anns an t-sealladh, eadhon a’ Ghàilig féin mar inneal ann an seirbheis an fhir-sgriobhaidh. A thaobh freagarrachd na Gàilig do’n ghnothuch àraidh so, cha ’n eil àicheadh nach eil i foghainteach a thaobh comas aithris is beachdachaidh, agus cuideachd a thaobh saoibhreis a foclair. Tha fear-sgriobhaidh an dàin-chluiche a’ cur feum gu sònruichte air dealbh-bhriathar; is e sin, air beachd is facail a tha cho so-thuigsinneach do thùr an luchd-éisdeachd ’s a tha dealbh air cairt soilleir do an sùilean. Agus mar sin tha am fear-sgriobhaidh a’ cur feum air inneal a tha beairteach ann an cainnt [TD 93] shamhlachail, mar a ta riochd-bhriathar, coimeas, is comhsamhlachd. Faodaidh gu bheil a’ Ghàilig cho goireasach ri cànain air bith anns gach cruth-cainnte a tha riatanach airson dàn-cluiche. Gun teagamh, tha i saoibhear anns na h-innleachdan a chleachd na bàird gu bhi’ foillseachadh araon maise Nàduir, agus aignidhean an duine. Agus tha rannachd de iomadh gnè, maille ri comh-litireachd is comh-fhuaimneachd, na ’n cuideachadh mór gu bhi cur seadh is faireachadh an céill. Tha a’ Ghàilig ’n a h-inneal fhreagarrach a thaobh pailteas anabarrach a foclair. Tha am pailteas sin ri’ fhaicinn ’s ri’ chluinntinn an diugh féin an Alba is an Eirinn. A réir cunntais an Ollaimh Dùghlas na h-Ide, tha mu thrì mìle facal air an labhairt fathast ann an Siorramachd Roscomain, le muinntir do nach urrainn leughadh no sgriobhadh. Agus tha an t-oileanach ceudna a’ cantuinn gu bheil timchioll air cóig mìle facal air an uisneachadh ann an ceàrn iar-dheas na h-Eirinn. Agus ged nach d’ rinneadh cunntas eagnuidh mar sin le sgoilear Gàilig a thaobh roinn air bith de’n Ghàidhealtachd, tha mi a’ làn chreidsinn gu’ bheil àireamh nam facal a tha air an cur am feum bho latha gu latha ann an cèarnaibh sònruichte de’n Ghàidhealtachd, a’ cheart cho àrd ri àireamh an fhoclair a tha gu làitheil air a chur am feum anns a’ Ghàilig Eirions naich. Gheibhear beachd soilleir air beairteana Gàilig an uair a bheirear fa near nach ’eil an tuath choitchionn aig am bheil a’ Bheurla mar chainnt mhàtharail, ag uisneachadh ach mu eadar trì ’s a ceithir de cheudan facal a mhàin. Is e sin ri [TD 94] ràdh, a thaobh na tuath Ghallda agus Ghàidhealaich, aig am bheil an crannchur saoghalta co-ionnan, gu bheil na Gàidhil ann an seilbh air seachd facail eadardhealaichte, mu an aon fhacal air am bheil an Gall eòlach. Agus is e an t-aobhar àraidh mu am bheil a’ Ghàilig cho pailt so, gu ’n robh na seanachaidhean a’ measgachadh leis an t-sluagh chumanta. Bha e ’n a chleachdadh aig ar sinnsir a bhi faotainn fearas-chuideachda ann an éisdeachd ris na seann sgeòil air an aithris gu fileanta; agus bha na sgeòil air an innse le daoine a bha air an ionnsachadh ris an obair sin mar dhreuchd shònruichte. Bha na seanachaidhean an còmhnuidh a’ labhairt ann an taghadh nam briathar, agus bha sin a’ buileachadh comas cainnte air an luchd-éisdeachd. Agus bha an cleachdadh ceudna so anabarrach feumail mar mheadhon eòlais is foghluim, a’ tabhairt beothachadh do’n mhacmeanmna, agus farsuingeachd do’n tuigse. Is bochd a bhi faicinn a leithid so de mheadhon luachmhor a’ dol air dichuimhne. Ach bheireadh cluich-dhàn Gàilig ùrachadh mór air an t-sean chleachdadh. Tha a’ Ghàilig air leth saoibhir anns na facail a dh’ fheumadh sgriobhadair an dàin-chluiche—facail a bhuineas do chor agus aignidhean an duine; agus a thaobh farsuingeachd bhriathar agus ùr-labhradh deas, tha cainnt nan Gàidheal an diugh ’n a h-inneal fhoghaintich airson alt is iarratuis an dàin-chluiche. NIALL ROS. [TD 95] Oran. [Eadar-theangaichte o’n Bheurla aig C. G. Rossetti.] A luaidh, nuair théid mo sgaradh bhuat, Na biodh do chridh’ fo ghruaim; Na cuir-sa ròsan aig mo cheann No sealach air an uaigh. Ach biodh an gorm-fheur os mo chionn Fo’n driuchd a’ fas an sith, ’S ma’s e do thoil, bi cuimhneach orm; ’S mur e, dì-chuimhnich mi. Cha’n fhaicear leam na sgailean N’an fhras a’ cluich ’s na loin; Cha chluinn mi seirm na cumhaig Mar osnaich neach fo leon; Ach ann an dusail trom na h-urach, Tha gun tùs ’s gun chrìch, Ma dh’ fhaodte, bi mi cuimhneach ort; ’S mur fhaod, cha chuimhnich mi. UISDEAN LAING. [TD 96] Bean a’ Bhocsa Bhuidhe. OIDHCHE NA COLUINN. Cha ’n eil trì facail an Gàidhlig a thig cho sunndach ’s cho togarrach á beul na h-òigridh an diugh fathast ri “Oidhche na Coluinn.” ’S e àm sunndach de ’n bhliadhna th’ann. ’S e do ’n òigridh co-dhiùbh. Ach, mar is bitheanta dhaibh-san a fhuair làithean ’s a chaill roinn d’ an cuideachd, ’s e àm mulaid a tha ’n àm na bliadhn-ùire. Oidhche na Coluinn! ’S i an aon oidhche air an tuit deòir a’ mhulaid agus deòir a’ ghàire chridheil aig an aon bhòrd, nuair a shuidheas sean is òg a chur am mach na sean bhliadhna ’s a thoirt a steach na té ùire. Cha do chuir an òigridh am bitheantas de bhliadhnachan thar an cinn ’s gu’n toireadh an t-àm sònruichte so orra sealltainn ’nan déidh air gach briseadh a dh’ fhaodadh tighinn ’san teaghlach ré nam bliadhnachan a dh’ fhalbh. Gu àm sònruichte ’nam beatha cha ’n eil an òigridh ach a’ sealltainn rompa agus a’ gabhail toil-inntinn anns gach àm cridheil a bheir a’ bhliadhna mu’n cuairt: Nollaig is Samhainn is Faidhir is Càisg. Ach cha’n e sin dhaibh-san a fhuair làithean agus a ràinig o chionn iomadh latha an t-àm de ’m beatha a bheireadh amannan sònruichte na bliadhna orra sealltainn ’nan déidh, agus sealltainn ’nan déidh le bròn. Oidhche na Coluinn! Cha’n eil oidhche eile ’sa bhliadhna a tha cho buailteach air sean chuimh- [TD 97] neachain a dhùsgadh an uchd neach ri Oidhche na Coluinn. Ré na bliadhna chaidh sgaoileadh an teaghlaichean. Chaidh cuid diubh gu dùthchannan céine; chaidh cuid eile do ’n ùir far nach eil sùil r’an tilleadh gu bràth; agus nuair shuidheas na càirdean mu bhòrd na Coluinn chithear an sin a’ chathair fhalamh; ionndrainnear an guth cridheil a chluinnteadh aig a’ bhòrd an uiridh; éiridh ìomhaigh mu choinneamh sùil màthar, gluaisidh a h-uchd agus tuitidh a deòir. Oidhche na Coluinn! Nach iomadh smuain a bheir i steach! Air a’ bhliadhna air an do thogadh an sgeul so thàinig Oidhche na Coluinn air Srath-Chaomhain cho nàdurra ri aon Choluinn a bh’ ann ri cuimhne an neach bu shine ’sa choimhearsnachd. Coluinn le sneachd is reothadh, gach lagan làn de shneachd agus gach lochan còmhdaichte le deigh; am beachd nan seann daoine b’e sin Coluinn no Nollaig nàdurra. Bha sluagh mór an Srath-Chaomhain nan craobh ’s nan allt. Bha òigridh shùnndach, chridheil ann; agus seachdainean roimh an àm bhatar ag ullachadh mu choinneamh na Nollaig. Bha na h-ingheanan a’ strìth r’a chéile feuch có ’n tigh a bu rìomhaiche am muigh ’s a stigh; agus cha d’ thàinig Nollaig no Coluinn air Srath-Chaomhain riamh bho’n thogadh a’ cheud smùid ann, a chunnaic tighean cho rìomhach, glan ’s a bha iad air a’ bhliadhna so, an dà chuid am muigh ’s a stigh; am muigh le aol geal air a ruith gu mìn, agus a stigh le paipeirean naidheachd ’s le dealbhan. Bha na gillean, ’nan àite féin, cho strìtheil ris na h-ingheanan; agus, [TD 98] fada mu’n do thòisich an duilleach air tuiteam a bhàrr nan craobh, chìteadh iad gach latha a’ tighinn dachaidh as a’ choille-chaman; ’s cha bhiodh teintean an Srath-Chaomhain, fad a’ gheamhraidh, air nach biodh an seileach ’s am beithe ’s a’ challduinn a’ dìosganaich a chum ’s gu ’m biodh e na b’ fhusa an cumadh a b’ fhèarr a thoirt air bas is cas a’ chamain—’s e sin a réir beachd nan iomainichean a bha ’n Srath-Chaomhain. Bha gillean ann, gun teagamh, aig an robh làmhan grinne; agus, fada mu’n tigeadh an Nollaig, chuireadh iad camain air an fharadh g’ an sùghadh, a bhiodh ’nan culaidh fharmaid do iomainichean mìltean mu’n cuairt air Srath-Chaomhain. Cha bhiodh fear aig an robh ainm iomainiche nach toireadh a bheachd air na camain a b’ fhèarr. Bhiodh an caman so maith air cùlaig; bhiodh am fear so maith air beulaig; ’s am fear nach biodh barraichte air cùlaig no air beulaig, bhiodh e taghte air fìdeig. Leis an sin, mar na tighean féin, cha robh caman a rachadh, latha Nollaig, gu dail na h-iomanach an Srath-Chaomhain nach rachadh ann le theisteanas gu diongmhalta ’na chuideachd. Sin mar a thàinig a’ Choluinn a steach air Srath-Chaomhain: gach neach ag ullachadh roimhe bho chaillich a’ phocain a suas. B’ e sin riamh an cleachdadh; ach air a’ cheart bhliadhna so bha aon tigh ’san t-srath anns nach robh móran fiughair ri Nollaig no ri Coluinn, no tnùth ris na coimhearsnaich a thaobh an gàirdeachais ris an fhleadhachas bhliadhnail. B’e sin tigh a’ ghreusaiche ’sa Phort-bhàn. Am mach o thigh an tàilleir cha robh tigh-céilidh [TD 99] an Srath-Chaomhain a bu shunndaiche na tigh a’ ghreusaiche; ach thàinig dreag an caraibh an tighe a chuir smal air, agus, fad greis mhóir, ged a thachradh do ’n òigridh coinneachadh ann le tuiteamas oidhche seach oidhche, cha robh sìon de ’n làn-aighear a b’ àbhaist a’ dol air aghaidh ann; ’s ged a thigeadh iad a dh’ iarraidh bhròg no g’an càradh, cha’n fhanadh iad na b’fhaide na chumadh an gnothuch iad—agus, air uairibh cha b’ fhada sin. Air a’ Choluinn so bha tigh a’ ghreusaiche gu maith aonaranach, trom. Bha a shuidheachadh leth-oireach co-dhiùbh, an oir na tuinne ’sa Phort-bhàn, air an robh cnuic phreasach a’ cumail fasgaidh bho na gaoithean. Ged a bha’n t-àite uaigneach an dòigh, bha e sunndach gu leòir an dòigh eile, a chionn: a bhàrr air gach rathad ’san t-Srath a bhi tighinn chuige, bha a’ mhuir gu h-ìosal, agus na cnuic le an cuid phreas àluinn gu h-àrd, mar innealan cìuil nàdurra ’san oidhche dhuaichnidh gheamhraidh. Air uairibh, ged bha sin mar sin, chuireadh na nithean sin mulad air neach, dìreach a réir a shuidheachaidh ’san àm; agus air an àm so bha an smuaintean féin aig a’ ghreusaiche chòir ’s aig a mhnaoi. Bha dìreach dòrcha nan tràth ann. Bha ’n greusaiche ’na shuidhe air an fhurm-ghreusachd mu choinneamh na h-uinneige, ’s e fuaigheal buinn ri balt. Bha toll an déidh tuill ’ga dheanamh leis a’ mhinidh. Rachadh frioghan a steach air gach taobh, is, leis an reothadh a bhi ann, bhiodh sgread thioram aig an t-sreing ròiseid, agus dh’ atadh gach feithe an gàirdeanan rùisgte [TD 100] cruaidh a’ ghreusaiche a’ teannachadh greama an déidh greama; ’s an sin bhiodh dìosgan aig an t-sreing nuair a leigeadh e na duail a bhàrr a dhòrn a chur a steach a’ mhinidh a rithis. Cha robh fo chromadh an tighe aig an àm ach an greusaiche féin ’s a bhean; ach cha robh facal ’ga sgoltadh eatorra. Bha a’ bhean ’na suidhe air cathair mu choinneamh an teine, ’s i ri trom smuaintinn. An nochd bha a cridhe trom; ach am measg nan éibhlean a bha cnàmh air an teintean bha i faicinn culaidh aoibhnis ’nan làithean a dh’ fhalbh. Thuiteadh èibhleag a sìos am measg chàich is thionndaidheadh fòid. Thigeadh an sin lasag am mach as ùr is dhealraicheadh i air na soithichean a bha’n òrdugh cho bòidheach glan aig a’ bhean-thighe phongail. Bha gach atharrachadh a bha tighinn air an teine mhòna mu choinneamh a sùla a’ toirt dhith seallaidh, mar gu’m biodh, air cor beatha an duine ’san t-saoghal: togail is leagail; atharrachadh an déidh atharrachaidh; is aoibhneas is doilgheas a’ gabhail àite an déidh a chéile, gus, mu dheireadh, mar a dh’ éireadh do ’n teine féin, an tigeadh a’ chrìoch. Le osainn thruim dh’ éirich Mór chòir, bean a’ ghreusaiche, is chaidh i a shealltainn am mach gu ceann an tighe. Bha feasgar ciùin bòidheach ann, ’s e reothadh gun stad. Cha robh gluasad air muir ach an fheamainn a’ gliongail ’sa phort gu h-ìosal nuair ghluaiseadh an tuinne i air tighinn an lìonaidh. Fad air astar chluinnteadh fuaim nan cairtean a’ tighinn o’n bhaile mar a b’ àbhaist air oidhche Coluinn; agus an sud ’s an so, fad air falbh, guileag air òran. Chual i ceum coiseachd; ach [TD 101] cha robh ann ach caora a’ sireadh tóm an fhasgaidh, ’s an sneachd cruaidh a’ cnagail fo a cròdhain. Chunnaic i coltas duine tighinn a bhàrr an àrdain. Cha bu shealladh annasach sin; a chionn cha b’e h-uile tigh air an robh taghal tigh a’ ghreusaiche. Chuimhnich i air a liuthad feasgar a chunnaic i Murachadh, a h-aona mhac, a’ tighinn an ceart rathad. Chuimhnich i a lìon oidhche anmoch a dh’ fheith i ris, ’na seasamh ’sa cheart àite ud. Chuimhnich i nach fhaiceadh i gu bràth tuilleadh e, agus ghluais a h-uchd is shil a sùilean mar mhàthair chaoimh ag ionndrainn a’ mhic nach fhaic. B’ i so oidhche na Coluinn, cuideachd: an aon oidhche a bheireadh sean chuimhneachain a steach. Thàinig an duine na bu dlùithe. Chrom Mór, ’s i cur sgàil air a sùilean le a làimh; sheall i eadar i ’s leus. “A Mhoire, Mhoire; tha am fear so ann an nochd a rithis!” ars ise rithe féin. Theirinn an neach a bh’ann leis a’ bhruthach; sheas Mór gus an robh ùine aige air tighinn am fradharc. Ach nuair nach d’thàinig e ris, choisich i nunn gu bràigh a’ bhruthaich. Sheall i mu’n cuairt dith; ach alt no ial de ’n duine cha robh r’a fhaicinn. An sin choisich i steach le ceum cabhagach. “Am bheil fhios agad, a Sheumais: chunnaic mi ’n saighdear ud an nochd a rithis; ’s cha’n urrainn gur e duine saoghalta a th’ann, a chionn cha b’ urrainn da dol as an t-sealladh cho goirid na’s lugha na shluigeadh an talamh e. Chunnaic mi an nochd e cho soilleir ’s a ghabhadh, le bhoineid mhòir, ’s le bhreacan, ’s le mhàileid, ’s an t-éibhleadh a’ dol bho thaobh gu taobh leis a h-uile ceum; ’s [TD 102] b’e sin an ceum fuasgailteach, foghainteach gu dearbh féin. ’S fhada bho nach fhaca mi gille cho calma ris. Saoil thusa air an t-saoghal so có th’ann?” Am fad ’s a bha Mór ag ìnnseadh na naidheachd bha a com ’s a làmhan air shiubhal a’ cur soilleireachd air an t-sealladh a chunnaic i. Dh’ éirich Seumas a bhàrr an fhuirm ghreusachd, ’s e ’g éisdeachd am fad ’s a bha e cur seachad na h-acfhuinn, ’s a’ cur dheth an aparain. Cha robh e féin saor is mulad air an oidhche a bh’ann, agus cuimhne a mhic a’ teachd a steach air, cuideachd. “An dà, gu dearbhadh, cha ’n urrainn mi breathnachadh a thoirt air an rud idir. Tha ’n sin tri uairean a chunnaic thu e nis. Ma tha leithid de rud is tamhasg ann, ’s e tamhasg a chunnaic thu; is ma tha oidheam aig tamhasg feumaidh gu’n tig sin air a chois luath no mall,” arsa Seumas air a shocair féin. “’S ma thig a leithid de dhuine an so cha’n ann gun ghnothuch. Cha ’n eil duine againne ’san arm. Fuireamaid r’a dheireadh. Có ’sam bith a th’ann cha toir e ar n-ionndrainn-ne dachaidh dhuinn. Cha toir gu bràth, a rùin.” Shuidh Mór air a’ chathair mu choinneamh an teine a rithis, a h-uilnean air a glùinean, ’s i garadh a làmhan ’s a mèananaich. Bha Seumas ag ullachadh roimh an fheusag a thoirt deth, ’s e air a shocair féin a’ suathadh an ealtainn air ais ’s air aghaidh air a bhois chruaidh, ’s e ’na sheasamh ris a’ bhòrd. Chualas ceum coise. Cha b’ ìonghnadh sin air àm ’sam bith; ach an déidh na bruidhinn a bh’ aca, ’s an sealladh a chunnaic Mór fathast [TD 103] ùr ’nan inntinnean, bhioraich iad le chéile an cluasan, ’s an sùilean air an dorus. Bha Seumas, ’s an ealtuinn air a bhois gun a thionndadh an taobh eile; is thionndaidh Mór air a cathair, ’s a làmhan ris a’ ghealbhan mar a bha i; ’s iad a’ feitheamh le ìonghnadh mar nach b’ àbhaist, feuch có thigeadh a steach. Cha b’ fhada gu uair fios. Co bh’ ann ach Màiri Bheag a’ chìobair, mar a theirteadh rithe ’san t-srath; agus ged a rinneadh fiughair gu leòir ri Màiri, ’s ann a bha Seumas is Mór air am mealladh nach b’ e cuideiginn eile bh’ ann: seadh, coigreach air choireiginn a dheanadh seòrsa daingneachaidh air an t-sealladh a chunnaic Mór. “Ciod e mar tha sibh an nochd; tha sibh leibh féin?” arsa Màiri; ’s cha b’ e fuaim a gutha dad a b’ eutruime. “Tha sinn, a ghalad, mar is dùth dhuinn air an àm a th’ann. Dean suidhe. Tha fios againn nach leigeadh tu an Nollaig seachad oirnn gun tighinn g’ ar faicinn: an Nollaig mu dheireadh a bhios tu ’nad nighinn òig.” Thainig rachd goirt am muineal Móire mu’n do chrìochnaich i na facail. Thog Màiri a h-aparan r’a sùilean agus chaoin i. Thionndaidh Seumas a cheann air falbh le osainn agus shuath e ’n deur trom a bhàrr a shùla. Fad mhionaidean cha robh diog fo chromadh an tighe ach neagaid ghoirid ghoirt aig na mnathan, ’s iad ’gan tacadh le mulad. Bha Seumas a’ cur seachad a chuid féin de ’n bhròn le bhi rùrach rudeiginn feadh an tighe, is srann fead aige. Fhuair na mnathan am brùchd ud seachad, is thog iad an cinn is shuath iad an sùilean. [TD 104] “Ach, a ghalad, a Mhàiri, cha leighis bròn an lot a fhuair sinn le chéile; ’s cha toir e air ais chugainne na bheil ’gar dìth an nochd; agus có, rùin, a gheibheadh coire dhuitse a thaobh a’ cheum a tha thu a’ tabhairt. Cha robh e ’san dàn gu’m biodh tu, rùin, a’d bhan-chliamhainn againne, ged a tha ’n t-àm a th’ ann ag ùrachadh dhuinne an leòin a fhuair sinn an latha chaidh ar mac neo-chiontach a sgobadh bhuainn. Agus cha ’n e sin uile e; ach nuair a bha cheuman saor gu bhi aige, e bhi air a leagadh a sìos le tinneas; ’s an àite dorus athar ’s a mhàthar a bhi fosgailte roimhe a thighinn gu’m broilleach caomh aon uair eile, ’s ann a tha beul sanntach na h-uaighe fosgailte dha; agus tha e glé choltach nach fhada gus an téid e ’na craos. Cha’n eil fiughair ris a’ chòrr againne gu bràth tuilleadh; mo luaidh, mo luaidh!” Agus bhris an triùir am mach an caoineadh goirt. “Ged tha mise dol air m’ aghaidh,” arsa Màiri, “cha’n eil ach cas a’ falbh is cas a’ fuireach agam. Tha mi nis air m’aghaidh am bliadhnachan, is có gheibheadh coire dhomh, mar thuirt sibh féin, a thaobh tairgse a ghabhail, ged nach eil e ’gam lìonadh; a chionn, an toll a rinn Murachadh ’nam chridhe-sa cha ghabh e lìonadh gu bràth an t-saoghail.” “Tha sinne, ’ghalad, a’ creidsinn nach gabh; agus ’s e ar luaidh a bhi air a sgobadh bhuainn, ’s e neo-chiontach, is mò tha cur cràidh air mo chridhe. Ach thig an fhìrinn ’s an ceartas an uachdar nuair bhios sinne, math dh’ fhaodteadh a’ cnàmh ’san ùir. Tha mo mhac-sa neo-chiontach. ’S esan tha sin. Ach ciod e ’m feum a bhi bruidhinn?” [TD 105] Chaidh a’ choinneamh bhròin so mu sgaoil nuair dh’ fhalbh Màiri; agus shuidh an greusaiche ’s a bhean mu choinneamh an teine gu sàmhach, tosdach, ag ràdh beagain, ach a’ smuaintinn mòrain. . . . . . . . . . . . . . A chum beagan soilleireachaidh a chur air na chaidh seachad de ’n sgeul so, faodar aig an àm so ìnnseadh nach robh ach an aona cheann-teaghlaich aig a’ ghreusaich; agus b’e sin Murachadh a chaidh ainmeachadh cheana. Bha Murachadh ’na ghille cho gasda ’s a bha eadar dà cheann na dùthcha, agus ’s mór am facal sin, ’s a liuthad òganach gaisgeil, sgairteil, eireachdail an t-Srath-Chaomhain ’san àm ud. Cha robh nighean ’san t-Srath nach toireadh Murachadh a’ Ghreusaiche dhachaidh do’n Phort-bhàn; agus bu lìonmhor iad a bha an eud r’a chéile da thaobh. Ach b’i Màiri Bheag a’ chìobair roghainn Mhurachaidh, agus chaidh iad cho faisg air là am bainnse ri oidhche ’n réitich. Ach chuir an oidhche sin féin crìoch air pòsadh na càraid a bha ’n gaol cho mór air a chéile. ’Na shuidhe aig bòrd an réitich chaidh Murachadh bochd a chur an greim a thaobh cionta nach bu lugha na mort; ’s cha’n fhac e féin no Màiri a chéile tuilleadh bhuaithe sin gus an so. B’e bu cheann aobhair do ’n driodart, so: Thàinig dreag de bhoireannach òg sgiolta rathad an t-Srath aon uair, agus bu thighinn beò dith a bhi siubhal na dùthcha le bocsa beag buidhe fo a h-achlais; anns a’ bhocsa so bha h-uile seòrsa usgraichean a fhreagradh air mnathan an t-Sratha, [TD 106] sean agus òg mar bha iad ann. Cha robh gille òg ’sa cheàrn dùthcha nach robh an strìth ri fear-éiginn eile a chum na h-usgraichean a b’ àille a bh’ aig a’ bhean-shiubhail a bhi deàrrsadh am broilleach a leannain. Mar sin bha a’ bhean-shiubhail a’ deanamh cosnaidh mhaith dheth am measg òigridh Srath-Chaomhain. Ach mu dheireadh thall chailleadh sealladh air a’ mhnaoi gu h-obann. Chaidh i aon latha air chuairt mar a b’ àbhaist dith, agus cha do thill i. Cha d’ thugadh umhail ’sam bith air na ceud làithean; ach nuair a shìn air an ùine, ’s nach robh sgeul-bheò shìos no shuas air a’ bhean-shiubhail chaidh an dùthaich uile troimh-chéile. Chaidh an sgeirmse fad na sgìre; ach cha robh eadar a dà chloich na chunnaic dath no aogasg na mnatha; agus cha robh an sin ach gu’n d’thàinig rudeiginn rithe. Chaidh an lagh an lorg na cùise; shealladh shìos is rannsaicheadh is cheasnaicheadh shuas; agus nuair chaidh gach comharra a chur ri chéile cha robh ach gu’n deach a’ bhean a mhort air cheann a codach, agus a corp a chur as an t-sealladh. Fhuaras badan d’a h-aodach an cladach an Loch-mhóir. Fhuaras, cuideachd, comharran air bruachan an loch. Chaidh an Loch-mór a sgrìobadh gu mean ’s gu mionaideach agus fhuaradh corp ann. B’e corp boireannaich a bh’ann cuideachd, ach bha e air a mhilleadh cho mór le easgannan, ’s nach gabhadh e deanamh am mach gu ro mhaith co bh’ ann; ach gu nàdurra, bha e air a chreidsinn gu’m b’e a’ bhean-shiubhail a bh’ann, ged nach robh e ’na ni a bha idir annasach corp a bhi air fhaotainn ’san Loch [TD 107] mhór. ’S iomadh neach a chailleadh, gu sònruichte coigrich air nach cuireadh an dùthaich ionndrainn, nuair a bhitheadh tuil ’san abhainn a bha tighinn a nuas as na glinn am braigh na dùthcha, agus is tric a fhuaradh an cuirp ’san Loch-mhór, far an do ghiùlain an tuil iad, iomadh mìle air astar. Ach co-dhiùbh, fhuaradh corp an uair so ri linn ionndrainn a bhi air neach, agus cha robh ach gu’m b’e corp an neach a dh’ ionndrainneadh a bh’ann. Bha’n sud a’ cheud cheum aig an lagh air a thoirt; ’s cha robh a nis ach dol an gnìomh a chum an ath cheum a thoirt. Có thàinig ris a mhnaoi? B’i sud a’ cheist. Chaidh a dheanamh am mach gu’m b’e Murachadh a’ ghreusaiche an neach mu dheireadh a bha’n cainnt na mnatha. Am feasgar a chailleadh sealladh oirre thachair i air Murachadh taobh an locha. Bha, cuideachd, mòran de a cuid bathair aig Murachadh; bha fiach airgead dà cuid aige a réir nam prìsean a bha i cur asda; agus leis an sin leagadh amharus trom air Murachadh bochd. Cha d’ àicheidh Murachadh nach do thachair a’ bhean air am beul an anmuich faisg air an Loch-mhór. Cha d’ àicheidh e nach do reic i móran d’a cuid bathair ris air saor chùnnradh, a chionn ’s gu’n robh e ’na beachd stoc ùr fhaotainn. Cha do shàsaich an deagh àicheadh ud an lagh, agus, am beagan ùine, agus air oidhche a réitich, cuid bu duilghe, chaidh Murachadh a chur an greim. Dh’ fheuchteadh h-uile ìnnleachd a chum toirt air a chiont aideachadh. Chaidh a thoirt dh’ ionnsaigh an Locha-mhóir far an robh dùil gu’n do thilgteadh corp na mnatha, feuch an toireadh e aideachadh [TD 108] ’sam bith as; ach sheas Murachadh aig a’ cheud fhacal a thuirt e—b’e sin “neo-chiontach.” Cha robh móran ’san t-srath a bha creidsinn atharrachaidh, ged a bha feadhainn ann, mar tha ’sa h-uile àite, feadhainn a ni gàirdeachas ri neach an staing, a bha toileach creideamh a chur an cionta an coimhearsnaich chòir. Co-dhiùbh, chaidh Murachadh an déidh ùine shònruichte a thoirt gu cùirt do Dhun-Eideann, agus, cuid bu duilghe, fhuaradh ciontach e le mòr-àireamh an luchd-breith. B’e bhinn: e bhi air a chrochadh; ach le fàbhar, a chionn ’s nach robh an luchd-breith aon-sgeulach, chaidh a’ bhinn atharrachadh gu prìosan r’a bheò. Chaidh cóig bliadhna deug seachad, agus bha a cheumannan saor gu bhi aig Murachadh bochd aon uair eile. Mu’n cheart àm a bha fiughair dachaidh ris, agus a mhàthair a’ dol gach feasgar a rachadh thar a cinn, gu ceann an tighe feuch am faiceadh i mullach a chinn a’ tighinn ris a nuas an rathad, ’s ann a thàinig fios a leag an greusaich ’s a bhean gu bròn aon uair eile. Bha Murachadh ri uchd bàis ’san tìgh-eiridinn. Bha e a’ caitheadh as gu luath, ’s cha robh fios có’n uair seach a’ mhionaid ’san ruigeadh naidheachd a bhàis Srath-Chaomhain. B’e so a chuir an greusaiche ’s a bhean cho trom muladach air Oidhche na Coluinn so, còmhla ris gu’n robh Màiri Bheag, seann leannan am mic ri réiteach ri fear eile a’ cheart oidhche ud; agus maille ris a h-uile trioblaid a bh’ ann bha sin féin a’ toirt cuimhneachais ghoirt a steach air a’ chàraid thruaigh aonaranaich. . . . . . . . . . . . . . . . [TD 109] Nuair a dh’ fhalbh Màiri, ma tà, shuidh an greusaiche ’s a bhean mu choinneamh an teine; cha robh facal thall no bhos eatorra, ach iad a’ feitheamh nan éibhlean gus an tigeadh a’ bhliadhna ùr a steach, agus an sin dol a laighe gu sàmhach socrach a bhruadar air an àm a dh’ fhalbh, ’s air a’ mhac nach fhaiceadh iad tuilleadh an tìr nam beò. Bha ’n oidhche dol seachad. Cha robh tigh ’san t-srath anns nach robh uinneagan a’ boillsgeadh. Cha robh tigh ann anns nach robh bòrd brèagha air a shuidheachadh agus cuideachd shunndach mu’n cuairt air a’ cur seachad na Coluinn anns an dòigh àbhaistich. Ach an tigh a’ ghreusaiche cha chluinnteadh ach fuaim na gaoithe ris an t-similear, no a’ chlach-mheallain mhìn a’ griogail ris an uinneig, agus an clog mór a bha ’n crochadh ris a’ bhalla a’ crìochan gun stad agus ag ràdh:— “A’ Choluinn so, ’Chaluinn so; A’ Chaluinn so, ’Choluinn so.” Chualas tartaraich air a’ chabhsair agus guth òrain. Thog Mór is Seumas an cinn is dh’ éisd iad. Gun ghnogadh, gun rabhadh, thogadh crann an doruis is chluinnteadh, an dorcha na catha, guth air nach b’ eòlach iad a’ dranndail òrain:— “Air a’ Choluinn; O, ’n dram! ’S i Choluinn a th’ ann; Air a’ Choluinn; O, ’n dram! Leis na facail so ’na bheul thàinig an ceatharnach an làthair gu sunndach. Dh’ éirich Seumas [TD 110] is Mór ’nan seasamh agus sùil air a chéile is sùil eile air a’ choigreach. “A Mhoire; Mhoire! Sheumais, thàinig am fear so mu dheireadh, co-dhiùbh is ann ’s nach ann a thaobh an t-saoghail so e.” Bha ’n sud saighdear ’na dheise Ghaidhealaich bho mhullach gu làr, le bhoineid mhóir, le bhreacan, ’s le criosan rìomhach nam bucal geala. Thilg e pasgan uaine a bha fo achlais air a’ bhòrd, is chualas duis chnàmhach na pìoba a’ glagraich. Thàinig an coigreach iongantach air aghaidh ’s a làmh sìnte gu càirdeil, ’s e fad na h-ùine a’ gabhail an òrain:— Air a’ Choluinn; O, ’n dram! ’S i Choluinn a th’ ann; Air a’ Choluinn; O, ’n dram! “Nach fhad o’n dà la dheug sin, a Sheumais, a charaid. Cha’n aithnich a h-aon agaibh mise; ach, co-dhiùbh, ann an sud i, agus bliadhna mhaith ùr dhuibh nuair thig i, agus móran diubh, agus gach té dhiubh na’s sunndaiche na a’ chóig deug a chaidh seachad mu dheireadh. Ann an sud i, Mhór, a ghalad, tha mi toilichte gu’n deach agam air ur ceann-teine thoirt am mach an nochd, agus cha b’ ann gun iomadh ceum garbh a chur as mo dhéidh, agus sneachd gu mo ghlùinean. Fàilt oirbh le chéile!” “Air a’ Choluinn; O, ’n dram!” “An dà, ’ille chòir,” arsa Mòr; “c’ àite ’sam bith a dh’ ionnsuich thu a’ Ghàidhlig, cha b’ann an [TD 111] Srath-Chaomhain. Cha’n aithnich mi gu’m faca mi riamh air mo dhà shùil thu anns an fheòil; ach chunnaic mi do thamhasg tri uairean air an t-seachdain so féin, agus an nochd féin an treas uair.” “Sibh bu chòir m’ fhaicinn; ’s iomadh uair fad na seachdain so a bha mi ’gam òrduchadh féin aig ur tigh; ’s tha mi toilichte gu’n d’ thug mi mach e mu dheireadh:— “Air a’ Choluinn; O, ’n dram ’S i Choluinn a th’ ann; Air a’ Choluinn; O, ’n dram!” “Rinn mi oidhirp mhaith a bhi leibh an nochd a chum agus gu’m biodh Nollaig chridheil agaibh agus agam féin leibh”:— “Air a’ Choluinn; O, ’n dram! ’S i Choluinn a th’ ann; Air a’ Choluinn; O, ’n dram!” Leis an so thug an coigreach tarruing air botul a bh’ aige ’na mhàileid. Fhuair Mór gloine. Dh’ éirich an saighdear ’na sheasamh air an ùrlar. “Nis,” ars esan, “mu’m bi ’n còrr eadarainn, òlaidh sinn air a chéile ann an deagh chàirdeas. So dhuibh, a bhean an tighe: toiseach dibhe do na mnathan is deireadh a’ bhùirn-ionnlaid.” “Air do dheagh shlàinte féin, ma tà,” arsa Mór, “agus ’s i chòmhdhail so, còmhdhail is iongantaiche a chuala duine riamh. Ged tha thusa, charaid, a’ cur aithne oirnne, cha’n eil fhios aig a h-aon [TD 112] againne có de shluagh an t-saoghail thusa; ach tha mi ’m beachd gu’m bheil naidheachd thoilichte agad duinn; agus air do dheagh shlàinte; ’s am fortan a chur na bliadhn-ùire seachad oirnn gu maith: na bheil againne ’s ’gar dìth.” Thàinig reachd am muineil Móire nuair a thubhairt i so. Nuair chaidh an gloine mu’n cuairt air an triùir, shuidh an saighdear agus ars esan: “A nis, tha fios agamsa ciod e tha cur ealaich air ur cridheachan-sa o chionn iomadh bliadhna. Cha’n eil ach tri mìosan o’n chuala mi e; agus chuir mi romham nuair gheibhinn fòrlach gu’n tiginn a thoirt an ealaich dhìbh. ’S e sin a thug mise air mo shean eòlas do Shrath-Chaomhain mu’n deach mi dh’ fhaicinn m’ athar ’s mo mhàthar féin nach fhaca mi o chionn fichead bliadhna. Dh’ fhuiling ur mac-sa gu neo-chiontach. Dearbhaidh mise sin. Tha ’m boireannach a bhatar a’ cur as a leth a mharbh e, beò slàn an diugh fathast. Tha i na’s beotha ’s na’s slàine na bha i riamh ’na beatha. ’S mise am boireannach a bh’ ann,” ars an saighdear, ’s e ’g èirigh ’na sheasamh air an ùrlar a rithis cho dìreach ri luachair; “’s mise am boireannach air an do thogadh an sgeul; mise, Iain Bàn Camshron á Loch-abar, Pìobaire mòr na Réisimid Duibh.” Cha robh fios aig Móir no aig Seumas ciod e ’n saoghal a bha ’gan giùlan nuair chual iad so. Thug iad anns a’ mhionaid creideas do chainnt an duine dhìomhair so; oir thuig iad gu’m b’ fhear-eòlais e ged nach buineadh e do’n dùthaich. Ach ciod e an t-èolas a bh’ aige orrasan cha b’ urrainn daibh a bhreithneachadh air dòigh ’sam bith. [TD 113] “An dà, mo mhìle beannachd ort, ’ille, có air ’bith thu. Thog thu ealach dhinne nach robh aotrom,” arsa Mòr. “Gu dearbh rinn thu sin,” arsa Seumas, ’s e a’ breith air làimh a rithis air. “Tha ar mac-ne ’na shìneadh le tinneas cràiteach; agus ma ’s e ’s gu’n téid e do ’n ùir bithidh de thoileachadh againn agus aige féin, ma bheireas an sgeul air, gu’n téid a dhuslach ri duslaich, agus fios aig an t-saoghal gu’m bheil a làmhan glan, mo rùn.” “Agus, a charaid chaoimh,” arsa Seumas, “’s leatsa da cheann an tighe so gu bràth; agus ged nach biodh againne ach biadh na faochaig ri roinn, is leatsa do chuid deth na’m biodh tu ’na eismeil.” “Tapadh leibhse, chàirdean,” ars an saighdear, “agus móran taing. Bha fios a’m gu’n deanadh sibh mo bheatha, ciod e ’sam bith mar thiginn chugaibh. ’S iomadh coibhneas a rinn sibh rium ged nach eil sibh ’gam thuigsinn; ach, a chàirdean, tha mise mar a thubhairt Donnchadh Bàn nan òran: ‘Rinn Nighean Deòrsa an t-aran dhomh.’” “’S maith leinn a chluinntinn,” arsa Mór, ’s i nis a’ cur air dòigh a’ bhùird; “agus a nis, ni mise rud nach do rinn mi o chionn iomadh bliadhna: Coluinn shunndach a chur air dòigh.” “An dearbhadh, tha mo chead agad, a bhean,” arsa Seumas; “agus gu dearbhadh féin, ’ille chòir, ’s beag smaointinn a bh’ agam, toiseach na h-oidhche, gu’m bithinn cho toilichte mu’n tigeadh a deireadh.” “Nach d’ thubhairt mi ribh gu’n togainn an leann-dubh dhibh,” ars an saighdear; “agus nuair [TD 114] a bhios bòrd na Coluinn deas aig Móir, ’s a shuidheas sinn mu’n cuairt air ’nar triùir, ìnnsidh mi mo sgeul dhuibh bho thoiseach gu deireadh”:— “Air a’ Choluinn; O, ’n dram! ’S i Choluinn a th’ann; Air a’ Choluinn; O, ’n dram!” Shuidh an triùir mu bhòrd na Coluinn agus liubhair an saighdear a sgeul. “Cha robh mise,” ars esan, “ach a’m bhalach caol, glas, agus glé òg nuair chaidh mi do’n arm. Chluichinn a’ phìob gu h-innich; ach le bhi faicinn ghillean gasda eile de mhuinntir mo dhùthcha—’s e sin Loch-abar nan craobh—a’ tighinn dachaidh le’n deiseachan rìomhach, bha mi smuaintinn nach robh rud air an t-saoghal a b’ àill leam na bhi tighinn dachaidh a dh’ fhaicinn mo chuideachd anns an éideadh bhrèagha ud. Bha cuid diubh ’nam pìobairean ’san arm, agus b’ ann riutha-san a bu mhotha bha dh’ eud orm. Bha’n deise cho àluinn leam: an t-éibhleadh sgiobalta, am breacan fuasgailteach, na criosan bucalach, ’s a’ bhoineid iteach, uaibhreach. Nuair bhithinn a’ buachailleachd nan laogh air bruachan Loch-abair, bha’m feadan beag a’m phluic bho mhoch gu dubh, ’s cha robh meur chruaidh am port annasach ùr a chluinninn nach bithinn a’ strìth rithe leam féin taobh an tuim gus an deanainn gu fileanta glan i. Bha, mu dheireadh, na h-eòin cho cleachdte ri m’ cheòl ’s gu’n suidheadh an druid ’s am brù-dhearg air meanglan làmh rium a dh’ éisdeachd, agus a réir mo bharail féin a dh’ aithris, a chiùil ’san doire. Co-dhiùbh thog [TD 115] mi’n ceòl cho maith agus nuair nach robh mi ach a’m fhìor bhalachan, bha mi a’m chulaidh ìonghnaidh aig gach còmhdhail am biodh pìob r’a cluich. Mu dheireadh thall, bha Loch-abar tuilleadh is cumhang dhomh a réir mo bheachd féin. Cha deanadh feum ach an t-arm fheuchainn; agus do’n arm ghabh mi. Bha mi nis a’m phìobair airm ’san Réisimid Duibh; agus có ach mise! Cha robh mi trì mìosan a’m shaighdear nuair dhùraicinn dol dachaidh a chum ’s gu’m faiceadh m’ athair ’s mo mhàthair ’s mo chàirdean air fad cho innich ’s a bha mi sealltainn an deise pìobaire, agus pìobair airm aige sin. Ach, a chuideachd, mu’n d’ thàinig ceann na bliadhna fhuair mi mo shùilean fhosgladh. Bha’n t-arm tuilleadh is teann dhomh, agus mhiannaich mi gu làidir frìthean agus saorsa Loch-abar nan craobh, agus a bhi tighinn dachaidh a’m luideanach gu teintean m’ athar ’s mo mhàthar; agus ’s e rinn mi, teicheadh. Theich mi, agus bha mi air chomhach ’nam èalaidheach. Na’n robh mi cho eòlach ’s a bha mi cho aineolach dheanainn strìth ri m’ dhreuchd a leantainn; ach bha mi amaideach agus rinn mi èalaidheach dhiom féin. Ach co-dhiùbh, mar thubhairt mi ruibh, bha Iain Bàn ’na èalaidheach, agus cha robh sgeul shìos no shuas air. Bha fios agam gu’m biodh an tòir as mo dhéidh, ’s cha robh maith dhomh m’ aghaidh a thoirt air Loch-abar. Cha robh maith dhomh falbh follaiseach an àite air bith agus rinn mi, le cuideachadh feadhnach a ghabh truas dhiom, dol an aodach boireannaich. Bha iomradh air Cogadh na Ruise ’san àm, agus bhatar cho geur air lorg [TD 116] feadhnach a bhiodh a’ teicheadh ’s gu’m feumteadh falach fodha a dheanamh air dòigh no dòigheiginn. Cha robh dòigh a b’ fhèarr na dol an riochd mnatha, agus air m’ fhocal bu mhi an nighean sgiobalta ghlan.” Aige so bhris a’ chuideachd gu gàireachdaich. “An dà, gu cinnteach,” arsa Mór, “’s ann duit is fìor a ràdh.” “Bha thu dìreach cho sgiolta ’s a bha ’san dùthaich,” ars a’ ghreusaiche féin nuair fhuair e seachad ruith gàireachdaich is casadaich. “Nach robh mi loinneil, a nis!” ars an saighdear féin. “Am bheil cuimhn’ agaibh mar a bha Eachann Iseabail as mo dhéidh? Ho! hó! phòsadh Eachann anns a’ mhionaid mi na’n toirinn a’ mhisneach bu lugha dha.” Agus ghàir an triùir gus an gann a bha iad a’ suidhe air an cathraichean. “Ach, co-dhiùbh, cha’n eil air an sud ach sud féin. Fhuair mi air m’ aghaidh am fad ud; ach ciamar nis a bha mi dol a dheanamh mo bheò-shlainte? Dh’ éirich móran nithean a suas nach do smuainich mi an toiseach orra, agus b’e h-aon diubh, agus an t-aon bu chudtromaiche: Ciod e mar gheibhinn mo theachd-an-tìr. Cha robh mi idir falamh de airgead; ach na’n tòisichinn air as a’ cheann chaol cha b’ fhada mhaireadh e. Ach bhuail ìnnleachd mhaith a’m cheann, agus b’ e sin: na bh’ agam air cùl mo làimhe a chur am bathar marsantachd. B’e sud a rinn mi. Lìon mi ’m bocsa buidhe air am b’ eòlach sibh, le usgraichean rìomhach, agus, mo riar féin, ’s ann a bha ’n gnothuch a’ pàigheadh dhomh gu h-urramach maith. Ach, co-dhiùbh, dh’ fhàs [TD 117] mi sgìth de’n bhreug-riochd is de’n t-siubhal ’s de’n t-suidheachadh ’san robh mi, agus chuir mi romham mi féin a thoirt a suas do ’n arm. “Am feasgar a dh’ fhàg mi ’n dùthaich thachair ur mac-sa orm. Reic mi cuid mhór de na bh’ agam ris air saor chùnnradh, ’s mi ri stoc ùr fhaotainn. Reic, a chàirdean, agus bu bheag a bha dùil agam gu’n deanadh a’ mhalairt a bh’ann a bheatha chur an cunnart, no gu’n coisneadh i dha a’ chuid a b’ fhèarr de a bheatha a chur seachad am prìosan. An déidh dealachadh ri Murachadh bochd chaidh mi a bhàrr an rathaid. Dh’ fhan mi ’n tom coille gus an do dhorchaich i, agus an sin chuir mi dhiom mo luideagan, agus bha mi aon uair eile an aodach fir. Bha mi ’n sin co-dhiùbh; a chionn, fad nan trì mìosan a bha mi ’n Srath-Chaomhain bha m’ aodach féin fo’n aodach fhuadain. Thill mi agus dh’ fhàg mi pàirt de m’ aodach taobh an locha. Cha’n eil fhios agam c’ ar son. Ach rinn mi e co-dhiùbh, agus a dheanamh sgeul goirid de sgeul fhada, thug mi mach Struibhle, far an robh an Réisimid; agus is iomadh rud a thàinig mise troimhe bho’n latha sin, eadar cogadh a’ Chriméa agus cogadh nan Innsean ’s a h-uile dad a bh’ ann. Ach, co-dhiùbh, thàinig mi troimh a h-uile gàbhadh dhiùbh, agus tha mi ro-thoilichte gu’n robh e ’san dàn domh a bhi air mo chaomhnadh a chum dearbhadh a thoirt seachad gu’m bheil Murachadh a’ ghreusaiche cho neo-chiontach ri leanabh na cìche. Sin agaibh a nis driodartan Iain Bhàin Chamshroin, pìobaire mór na Réisimid Duibh.” Dh’ fhàs na bha ’sna copaichean fuar a dhà [TD 118] no trì de uairean am fad ’s a bha’n saighdear ag ìnnseadh a sgeòil, agus bha Mòr is Seumas ag éisdeachd mar gu’m biodh iad air beulaibh a’ mhinisteir. Fad na h-ùine bha iad a’ faicinn an lìon ’san robh Murachadh air a ghlacadh, a’ togail dheth, mogul an dèidh moguil, agus an dealbh-chluich dìomhair air a shoilleireachadh beagan an déidh beagain, a réir ’s mar a bha sgeul an t-saighdeir a’ togail cirb an déidh cirbe de ’n sgàil a bha falach na cùise bho cheartas an t-saoghail fad chóig bhliadhna deug. “An dà; mo mhìle beannachd ri d’ bheò ort, a charaid,” ars an greusaiche, ’s e ’g éirigh ’na sheasamh, ’s a’ beirsinn ’na dhà làimh air làimh dheis an t-saighdeir; “agus gu’m b’e an turus so a thug thu do Shrath-Chaomhain car is miosa a chuireas tu dhiot gu bràth.” “Bidh mo bheannachd a’d chuideachd gu bràth,” arsa Mór, ’s i suathadh nan deur leis an robh a sùilean aoibhneach làn. “Tha ur mac-ne gle ìosal, ma tha e idir an làthair an nochd; ach ma’s bàs dha e, nach toilichte leam e dhol a dh’ ionnsaigh na sìorruidheachd bhuain, agus fios aig an t-saoghal uile gu’n deach a dhuslach ri duslaich, ’s e neo-chiontach ’san gnìomh a dh’ fhuiling e air a cheann. Ach nach e am fulang sin, ’s e neo-chiontach, a bheir air an t-saoghal uile a nis a chrùnadh’ nan cridheachan le crùn is òirdhearca na ged a gheibhteadh neo-chiontach aig a’ chùirt e, ’s gun an còrr a bhi air.” Ach chaidh an oidhche seachad gun fhios daibh. Thòisich an clog mór air bualadh gu socrach a h-aon, a dhà, a trì—agus thàinig a’ bhliadhn’-ùr a steach. [TD 119] Dh’ èirich an triùir air an ùrlar a rithis a chur fàilte na bliadhn’-ùire air a chéile; ’s cha robh comunn ’san t-Srath cho sunndach riutha, ged a bha ’n sùilean a’ snàmh ’nan deòir. “Bliadhna mhath ùr dhuibh, a Sheumais. Bliadhna mhath ùr, a Mhór!” ars an saighdear. “Mar sin duitse, agus móran diùbh, agus guma buan thu, a charaid,” ars an greusaiche. “Làmh air do bhotul a nis, a Sheumais,” arsa Mór; “agus ar doilgheasan uile leis a’ bhliadhna dh’ fhalbh.” Chaidh slàinte dh’ òl air gach taobh. Chaidh na copaichean a lìonadh as ùr, agus am fad ’s a bha iad a’ gabhail a’ chòrr de’n Choluinn bha iad ag éisdeachd nan urchraichean leis an robh Srath-Chaomhain uile a’ toirt a steach na bliadhn’-ùire, is dh’ aithnicheadh Mór is Seumas gach fear a loisgeadh làmhach a réir an taoibh bho’n tigeadh an fhuaim; agus chuimhnicheadh an saighdear air an ainm feadhainn a b’ aithne dha. “A nis,” ars an saighdear, “bho’n thionndaidh a’ Choluinn cho maith is cho toilichte dhuibh, nach cluich mi port air a’ phìob los gu’n cluinn sibh meur pìobaire mhóir na Réisimid Duibh?” “Cha d’ fhuair mi riamh na b’ fheàrr,” ars an greusaiche; “agus gu dearbhadh, ’s fhad bho nach robh sunnd cho maith orm a chum éisdeachd ris a’ phìob ’s a tha orm an nochd féin.” “Càraibh dìreach a suas i, rùin, mar gu’m bu tu mo mhac féin. Tha mi cheana mar gu’m biodh e eadar mo dhà làimh, ged tha fhios agam gu’m bheil a thaobh glé ìosal,” arsa Mòr. [TD 120] “Biodh agaibhse foighidinn, a chàirdean; cuiridh Iain Bàn Camshron crìoch urramach air an rud a ghabh e os làimh,” ars an saighdear, ’s e fuasgladh na pìoba as a’ phasgan. Dh’ fhuasgail Iain a’ phìob; thug e mach fear an déidh fir de na gothaichean; shéid e iad is dh’ fheuch e ’m fuaim ’s e a’ canntaireachd aig an àm cheudna. “Thig mar so, a ghalad, gus an cluinn sinn do ghuth binn,” ars e féin, ’s e tilgeil nan dos thar a ghualainn is fuaim an aoibhnis aig an glagraich. Chnìodaich Iain am màl le bhois is lìon gach lag a bh’ ann le gach séideadh. Ràn na duis, sgreuch am feadan; chaidh am màl gu socrach ’na àite féin fo ghàirdean a’ phiòbaire, is lìonadh an tigh le ceòl. Bu cheòl taitneach ceòl a’ ghleusaidh féin; ach nuair thòisich am port ’s gann nach do stad na craobhan a bha ’m muigh de chrathadh anns a’ ghaoith a dh’ èisdeachd ri loinneileachd nam meur. Chaidh an fhuaim fad air astar, agus ’s iomadh gaotharan a bha dol dachaidh, is tuaineal ’na cheann, a dh’ innis sgeul gu’n cual e gu fìrinneach na sìdhichean aig fleadhachas ’san t-sìdhean. Ach sguir an ceòl; shuidheadh greis taobh an teine a’ bruidhinn thall ’s a bhos. Chaidh tigh a’ ghreusaiche an sin mu thàmh; ach mu’n deach Iain d’a leabaidh an ceann eile an tighe dh’ earailich e air Móir ’s air Seumas gun fhacal a ràdh, beag no mór, uime-san gu ceann latha no dhà. “Tha mi tuigsinn,” ars esan, “nach eil mo ghnothuch idir ullamh fathast, agus ged a chluinneas sibh mi ag éirigh ’s a’ dol am mach roimh latha, an déidh an là màireach, no ’n ceann latha no dhà, [TD 121] cha ghabh sibh dad oirbh. Tha rud beag eile agam r’a dheanamh fathast.” An là-arna-mhàireach dh’ fhosgail là na Nollaig gu brèagha air Srath-Chaomhain. Cha robh deò á adhar. Ghabhadh a’ mhin a criathradh air a’ chuan. Bha reothadh geur cruaidh ann, ’s a’ ghrian a’ dealradh air an t-sneachd a bha còmhdach an t-Srath bho bhràigh gu ìochdar. Chaidh a’ mhór chuideachd mar a b’ àbhaist gu dail na h-iomanach. Bha Iain ann cuideachd, ’s cha robh fios aig muinntir an t-Srath o shluagh an t-saoghail có ’n saighdear innich a bh’ ann; agus bha e ’na ìonghnadh le gach neach ciod i an t-sùrd a bha ’n cinn a’ ghreusaiche ’s a mhnatha, nuair thàinig iad cho sunndach do chuideachd air an Nollaig so seach mar a b’ àbhaist daibh o chionn iomadh bliadhna. ’S iomadh barail a chaidh a thabhairt an uaigneas anns gach cùil air an dail iomanach, agus aig gach bòrd a bha ’san t-Srath nuair shuidheadh mu bhòrd na suipeireach ’san oidhche. Chaidh an Nollaig seachad. Latha no dhà ’na déidh ghabh Iain sràid leis féin a suas taobh na h-aibhne. Aon mhaduinn an sin, dh’ éirich e roimh bhriseadh an latha. Lean e roimhe taobh na h-aibhne gus an do ràinig e àite sònruichte far an robh an sruthan a’ miolaranach anns an tanalachd. Bha tom mór seilich an sin agus shuidh e ’na fhasgadh. Goirid do ’n àite ’san robh e, agus air bruthach bòidheach os cionn na h-aibhne, bha tigh Màiri Dhuibh a’ bhuidseachais, agus bha Iain an tràth-sa ’s a rithis a’ toirt sùl troimh ’n dorcha ’na rathad. [TD 122] Cha robh gluasad ’na shealladh no ’na éisdeachd, agus bha ’n srath uile fathast anns a’ mheadhon-oidhche. Bha amhraichean an latha nis ann, is chìteadh lanndair an sud ’s an so a’ dol do bhà-thigh. Chum Iain sùil gheur rathad tigh Màiri Dhuibh; ach cha robh duine r’a fhaicinn. Thug e sùil a sìos do ’n abhainn is chrath e a cheann. “Ma chaidh an t-seilg as orm an diugh cha téid am màireach; ach tha ìonghnadh orm ma chaidh; air neo cha’n eil Màiri Dhubh mar a b’ àbhaist dith,” ars esan ris féin, ’s e sealltainn gu fòilidh bho thaobh an tuim. Chunnaic e ’n sin dùradan dubh a’ snàgan gu socrach a nuas am bruthach, is theann e na bu dlùithe do’n tom sheilich. Chrùbain se e féin cho ìosal ’s a b’ urrainn da, ’s e ach gann a’ cumail air anail. Bha phlabartaich a’ tighinn na bu dlùithe, ’s mu dheireadh thàinig Màiri Dhubh seachad cho faisg air ’s nach mór nach do shuath i ris. Ràinig i oir na h-aibhne. Sheas i greis is sheall i mu’n cuairt. Thug i ceum no dhà am mach do’n uisge is chrom i sìos. Thug i bior as a broilleach, agus thòisich i air brodadh brodadh anns an uisge, agus aig an àm cheudna i a’ monmhur rithe féin. Cha d’ éisd Iain na b’ fhaide. Leum e chuice gun fhios, agus a’ breith air chùl amhaich oirre ’s ’ga crathadh gus nach mór nach do thuit i as a h-aodach: “A nighean an uilc!” ars esan, “am bheil thu fathast ag obair air do shean iobartan. Beir am mach as an uisge an rud a th’ agad ann, neo cuiridh mi do cheann fodha gus am bi thu bàthte. A nighean an uilc!” [TD 123] An uair a mhothaich i greim ’ga dheanamh oirre bho thaobh a cùil thug Màiri sgreuch aisde a chuir sgaoim air gach eun a bha ’sna preasan mu leth-mhìle mu’n cuairt. “O, Mort, mort! Mathanas; mathanas! Có thu? Có thu? Leig as mi ’s cha dean mi gu bràth e. Obh; óbh! Mathanas; mathanas!” “Mathanas, a dhroch bhuidseach! ’S eòlach ort mi. Am bheil cuimhn’ agad air ‘Bean a’ bhocsa bhuidhe,’ mu’n d’ thuirt thu féin e.’ Am bheil thu gealltainn dhòmhsa nach dean thu a leithid gu bràth, agus as a dhéidh so gu’n imich thu air sligheannan cearta. Geall e neo cha’n fhàg do bheò an làrach ’sam bheil thu? Geall e, a bhuidseach, geall e; geall e!” ars Iain, ’s e toirt crathaidhean garbha air Màiri Dhuibh. “Obh; óbh! Leig as mi, eudail, ’s cha dean mi gu bràth e. Cha’n eil an so ach mo thoilltinneas. Mathanas; mathanas! Tha mo chridhe as a chochul! Ce b’e có thu, leig mo bheatha leam ’s cha chluinnear an còrr de ghisreagan Màiri.” “Thoir an tigh ort, a bhuidseach. Na ’n do phòs Murachadh do nighean cha bhiodh a chorp creadha ’ga chaitheamh le uisge na h-aibhne nuair chual thu gu’n robh a cheumannan saor a’ dol a bhi aige. Thoir an tigh ort; ach beir an toiseach as an abhainn an rud a chuir t’ ìoraltan innte. Beir as e.” Chaidh Màiri, ’s i air chrith leis an uamhas a ghabh i, gu a glùinean do’n abhainn. Rùisg i a gàirdean buidhe preasach, agus thog i á grunnd na h-aibhne an corp creadha. Thaosnaich Màiri e gus an robh a’ chreadh ’na staid nàdurra mar a [TD 124] chladhaicheadh á bruach na h-aibhne i, agus thilg si air an làr i. “Maduinn mhaith leat a nis,” ars Iain nuair thilg Màiri a’ chreadha bhuaipe, ’s i ’g ospagaich. “Maduinn mhaith leat, a bhiasd; agus as a dhéidh so imich air sligheannan cearta.” Dh’ fhalbh Màiri dachaidh ’na ruith, ’s i toirt buidheachais do ’n fhortan gu’n d’ fhuair i a beatha leatha. Chum Iain a shùil oirre gus an deach i a steach an dorus; ’s mu’n do ràinig i an stairsneach sheall i as a déidh air. Mhaoidh Iain le dhòrn oirre, agus nuair a chual e glag aig an dorus ’ga dhùnadh thug e tigh a’ ghreusaiche air. ’Sa mhaduinn, dh’ innis e mar dh’ éirich dha; agus feadh an latha rinn Iain e féin aithnichte do ’n lagh ’s do ’n dùthaich. Bha na dearbhaidhean cho soilleir ’s gu’n deach Murchadh a’ ghreusaiche a ghlanadh uile gu léir bho’n chionta a dh’ fhuiling e air a cheann. Fhuair e a shlàinte ’s a shaorsa, agus deagh dhìoladh bho’n Chrùn as leth claonbhreith. Bha Iain Bàn Camshron riamh tuilleadh mar a h-aon de theaghlach a’ ghreusaiche. Is fada bhuaithe sud; ach tha cuimhne an Srath-Chaomhain gus an là ’n diugh air mar thogadh an sgeul so, ged tha na pearsachan ’nan tosd ’sa chill, is clachan fo chóintich a’ cumail cuimhne air an ainmeannan. IAIN MAC CORMAIG. [TD 125] Tòir na Maiseachd. ANNS an leabhar ciatach ud a chuir M. Guizot ri chéile, agus d’ an d’thug an duine ainmeil sin Le Vrai, le Beau, le Bien mar ainm, thatar ag ràdh gur iad a’ mhaiseachd agus am maitheas àrd-chùspair na fìrinne—nì a dh’ ionnsaigh am bheil a h-uile fear againn a’ sior thriall, ged nach ionann comas do gach aon an ceann-uidhe ionmholta sin a thoirt gu buadhmhor am mach. Is mór, is cruaidh, agus is fada an triall sin, arsa M. Guizot, ach, an déidh a h-uile rud, nach cubhaidh agus ceart an nì gu’m bheil? Nan rachadh againn air a bhi air ar rugadh a staigh do shaoghal anns am bheil an fhìrinn air a stéidheachadh gu dionmhalta mar tha, a’ mhaiseachd aithnichte, agus am maitheas air a thoirt gu coimhlionachd, an sin is gann gu’m biodh an còrr againn ri dhèanamh: cha bhiodh dad tuilleadh ann ri shireadh, agus, an cois sin, cha bhiodh gluasad no mùthadh spiordail air bith ri fhaicinn air aghaidh an domhain. B’e Platon a thuirt so: “So agad (ars esan), an ràdh is fìrinniche chaidh riamh a dhealbhadh, no a théid a dh’ innseadh ’na dhéidh so—gur cubhaidh bunnachdail gach nì tha urramach: gur cronail mi-shealbhach gach nì tha aingidh dìblidh.” Gu cinnteach, còrdaidh an ràdh ciatach so a leig Platon seachad ris a h-uile neach a ghabhas beachd air. Chan eil nì is furasda a dhèanamh na seula ar molaidh [TD 126] a chur air. Ach rud nach éirigh leinn cho soirbh sin, is e sin socrachadh nar n-inntinnean féin gu dé idir an nì anns am bheil am maitheas a’ co-sheasamh agus an cron air a dhèanamh suas. A nis, b’ann aghaidh ri aghaidh ris a’ mhac-samhail cruaidh-cheist so a dh’ainmich mi a bha na Gréugaich o shean. Thug iad iomadh sàr ionnsaigh air i a dh’ fhuasgladh gu an làn deòin. Thug iad spéis anabarrach do’n mhaitheas, agus laidhe a’ mhaiseachd daonnan anabarrach dlùth d’an cridhe. Thug iad gràdh sònruichte do gach nì air am biodh iad a’ sealltuinn mar mheadhon earbsach gu cuideachadh leò gu aithne a b’fheàrr na bh’aca mar tha a chur air nàdur na maiseachd, no an t-eòlas a fhuair iad cheana air a cuid fhreumhaichean a chur am meud. Chan e cus e ri ràdh gu’n robh iad, mar shluagh an còmhnuidh air tòir na maiseachd. Chan eil dream no sluagh air a bheil cunntas earbsach againn is mò a nochd de dhealas, no is mò a rinn de ghniomh, air sgàth cùis na maiseachd agus aobhar na fìrinne. B’ annsa leo riamh ban-dia eireachdail na loinne a lorgachadh, ceum air cheum, air a h-ais a dh’ ionnsaigh a dachaidh mhiòrbhuileach, fad air astar, an glac nam beann iol-chruthach, far am bheil spiorad na meanmnachd agus nan àrd-smuaintean a’ sior-ghabhail tàmh. Ach, a dh’aindeoin gach spàirn a rinn iad, agus seol a chleachd iad, cha do éirich an tòir urramach so a chuir na Gréugaich air bonn cho maith leo sa bha dùil aca gu’n rachadh aca air soirbheachadh innte. Dh’ fhairtlich gu buileach air Platon tighinn gu co-dhùnadh seasmhach air bith mu’n rud. Cha robh e [TD 127] riamh ’na chomas-san a ràdh: “So agad an fhìor mhaiseachd; sguir air ball, mata, de bhi sireadh na’s fhaide air a son.” Faicear leis na sgrìobh Grote air stéidh-sgrìobhaidh “roghadh is taghadh nan uile Gréugach” gu’n robh an duine ainmeil sin an iomadh chomhairle nach beag mu fhìor nàdur na maiseachd. “What is kept before the reader’s mind more than anything else (arsa Grote) though not embodied in any distinct formula, is the Good and Beautiful considered as objects of love and attachment.” Theagamh gu’n robh am “maighstir” ud eile d’an d’thug Platon uiread de spéis—Socrates—beagan na bu shuidhichte is na bu dìorrasachaiche ’na bheachd na bha an deisciobul a b’ainmeile a fhuair e riamh; ach, ged a bha, chan fhaodar a ràdh gu’n d’fhuair na beachdan a leig esan seachad làn aontachadh an fhir eile. Cha mhò is urrainn duinn a chantuinn gu’n robh Socrates e féin an comhnuidh a dh’aona bheachd mu fhìor nàdur na maiseachd, o’n a bu ghnàth leis na baralaichean is na beachdan a chuir esan an céill a dh’ atharrachadh cho tric, ach beag, sa bhiodh e gan leigeil air an adhart. Ach, a dh’aindeoin so is gu léir, cha b’iad na Gréugaich ainmeil so ’nan aonar a rinn sàr oidhirp air fìor nàdur na maiseachd fhaighinn am mach, agus an t-eolas a fhuair iad mar sin a stéidheachadh air bonn seasmhach maireannach. Anns a’ char so, bha iad air an dlùth leantuinn le cho iomadh fear comasach eile de an co-luchd-dùthcha is gu’m bheil cead againn a ràdh gu’n robh an cinneach Gréugach gu h-iomlan air an stiuradh is air an gluasad le mór thogradh air dol air aghaidh an [TD 128] co-bhann a chéile, gus crìoch urramach agus shoirbheachail a chur air an t-sireadh ionmholta sin air an robh iad uile an geall. Bha taobh blath aig gach Gréugach d’on mhaiseachd, agus bha an dealas àrd a nochd iad do nìthean spioradail daonnan gan comharrachadh am mach air dhòigh nach eil a leithid r’a fhaicinn aon chuid roimh na h-àmannan sin no ’nan déidh. “Their sense of beauty (arsa Mr. R. W. Livingstone) ran through their whole life, and like a ferment transformed it.” Cha d’oibrich riamh annta-san am mór thogradh so a dh’ fhiosraich iad mar a chìthear gu’m bheil e gar gluasad féin tuilleadh is tric. Bha an spéis a thug iad do’n mhaiseachd daonnan air an siubhal, mar gu’m b’eadh. Cha mhaith leò riamh leannail oirre car uair, agus, an sin, sguir de bhi ga cur an àird, mar a tha sinne tuilleadh is deas gu dèanamh. “Chan eil anns an Stàid againn (arsa Platon) ach samhladh air a’ ghnè bheatha sin is fheàrr agus is uaisle is urrainn a bhi”; agus faodar a chur ris an ràdh so a thuirt Platon gur docha gu mór leis na Gréugaich failneachadh gu tùr, na dol an ceann gnothaich gun iad a bhi air an lionadh is air an stiùradh leis an spiorad eireachdail sin a bha gan iomain is gan atadh suas air dhòigh cho iongantach. Ach, gu mi-shealbhach, cha b’fhada a mhair cùisean a bhi mar so. Gu moch no gu h-anmoch, ruigidh mùthadh dorus gach cinnich a th’ann. Thugadh an spéis a bha na Gréugaich ag altrum do’n mhaiseachd do ire anabarrach àird, agus, an sin—mar bu dùil is mar bu nàdurra—theann i, a lion beag is beag, ri triall air falbh, agus ri caitheamh ás. Thachair [TD 129] so daibh an cois ghluasaid àraidh leis an robh iad air an tarruing air falbh bho na seann dhithean aca gu bhi togail dhithean ùra coimheach, a bha iad a’ meas mar dhithean a bha tuilleadh is mór cumhachdach na an fheadhainn a b’ àbhaist a bhi aca, agus d’an d’thug iad na h-uibhir spéis agus muinghinn o chianaibh. B’ann o mhuinntir air an d’thug iad buaidh, agus a bha fo cheannsal aca, a fhuair na Gréugaich na dithean ùra so air iasad. Air an aobhar sin, cha ruig sinn a leas ionghnadh a ghabhail gu’n do chaill na Gréugaich, an ceann ùine, pàirt mhór de’n spiorad a bha gan comharrachadh am mach, mu’n d’fhuair iad a bhi an dlùth chomunn ris na coimhich a cheannsaich iad. B’e a’ cheud ni a thachair air do na Gréugaich siubhal mar so fo chuing nan coimheach, gu’n do ghéill an t-sean rian-raghlaidh fo an d’thug iad buaidh-làrach air machraichean dosanach Mharathoin do’n fhear shocrach ach tuilleadh is cuimir finealta sin air an robh Pericles ’na ùghdar. Mar an ceudna, goirid an déidh so a bhi air a choimh-lionadh, fhuair Cleon agus a chuid dheisciobuill làmh-an-uachdar anns an Stàid, agus, fo an riaghladh is an stiùradh-san, fhuair a’ghràisg gu bhi tuilleadh is ceannsal cumhachdach innte. Air am bagradh gu goirt leis na bha Philip á Macedon a’ rùnachadh ’nan aghaidh, thuit cridhe muinntir na h-Aithne gu eu-dochas agus leanndubh, agus mur b’e gu’n d’thug ùr-labhras Dhemosthenes truas ri a mhuinntir ànrach, bha iad caillte, gun uiread agus aon bhuille bhi air a buaileadh. Rinn esan sàr oidhirp air na Gréugaich a dhùisgeadh suas, agus, car tamuill, dh’ éirich an oidhirp a thug e mar nach b’olc leis. Air am bros- [TD 130] nachadh gu mór le òraidean eireachdail an fhir-labhairt gun choimeas ud, chuir iad an cath gu treunmhor làidir misneachail an aghaidh an fhir-sàrachaidh gun iochd a bha bagradh cur ás daibh, maille ris an sochairean cinneachail uile. Ach, a dh’ aindeoin gach oidhirp a rinn iad, chum rùintean mi-chneasda Philip á Macedon a thoirt gu neo-bhrigh, b’e striochdadh a b’éiginn do na Gréugaich fiosrachadh. B’éiginn daibh, cuideachd, tuarasdal goirt a’ chùil-shleamhnachaidh is na taiseachd a làn phàigheadh. Thuirlinn an triath á Macedon gu sgriosail colgarra orra. Bhris is théich iad; agus leigte ri toil a’ mhi-fhortain dhuachnaidh so a dh’fhiosraich iad bha e an dàn daibh fuireach, gus an d’thàinig àm àmhgharach léirsgrios Chorinth, agus, goirid ’na dhéidh sin, cur air bonn Achaia mar mhór-roinn de’n ìompaireachd. B’ann mar so, mata, a chaidh an saorsa a bh’aca a spionadh air falbh o na Gréugaich, agus, ’na cuideachd, thriall air falbh, mar an ceudna, an sean spiorad ionmhalta sin a bha gan comharrachadh am mach air dhòigh cho tur iongantach pailt. Bha là glòrmhor na h-Aithne a nis air dol seachad: cha robh dùil no fiughair gu’n rachadh aig na Gréugaich air na bliadhnachan a thréig, còmhla ris an spiorad a bha gan dèanamh cho sgèimheach greadhnachail, a thilleadh air an ais. “Rhodes, like the Achaean League, and every promising institution of later Greece, was destined to decay under the withering shadow of Roman jealousy.” Ach, cha b’iad na nithean so féin ’nan aonar a bha ri crìonadh is ri seargadh às, an déidh do na Gréugaich siubhail fo [TD 131] chuing shàrachail rìaghladh nan Ròmanach; oir mar is mò a ghéill na Gréugaich do dòigh-smuaineachaidh is nòsan cinneachail nan Ròmanach, is ann is mò a chaill iad de’n ghreim a b’àbhaist a bhi aca air nìthean àrda spioradail. A nis, sgrìobh mi na sgrìobh mi mu na gnothaichean so gus cuideachadh leam a dhol beagan na’s doimhne a staigh do’n chùis air am bheil sinn a’ beachdachadh an ceartuair. Is e an ath rud d’an àill leam aire an leughadar a tharruing am beachd-oidhirp ainmeil ud air an robh Edmund Burke ’na ùghdar, agus d’an d’thug e Essay on the Sublime and Beautiful mar ainm. B’e beachd an sgrìobhadar ro chomasach a dh’ainmich mi gur ann bho ghràdh no an gaol a dh’éireas gach miann a dh’ fhiosraicheas sinn a thaobh a bhi co-aontachadh ri gluasadan dìomhair na maiseachd. Am bitheantas (ars esan), oibrichidh annainn-ne an taobh nàdurra sin do’n mhaiseachd a th’againn “by relaxing the solids of the whole system.” Am briathraibh eile, gabhaidh an t-anam gu snàmh cho tric sin sa bheirear air an inntinn meòrachadh a dhèanamh air nàdur is ciallachadh na maiseachd; agus tha Burke a’ cur ri so le innseadh, “so agad fìor mhàthair-aobhar ar toileachais air fad.” Gun teagamh, chan eil anns na baralaichean so a leig Burke seachad ach riaghailt no cùmhnant a tha ri ar n-inntinn a sheoladh an àm duinn bhi dol an ceann gnothaich gus meòrachadh a dhèanamh air nàdur is brìgh na maiseachd. Cha chuidich iad am feasd leinn-ne gu a’ cheist so a dh’ fhuasgladh mar is còir—“dé an nì air am bheil a’ mhaiseachd féin air a [TD 132] dèanamh suas?” Ach, eagal is gu’m biodh neach air bith de’n bheachd nach do bhuin Burke riamh ris a’ choltas so a th’air a’ chùis, faodar a chantuinn gur ann am mùthadh rianail rìaghailteach, agus an sreathan siùbhlach camagach, làn gràis is bòidhchead, a bha esan a’ sior shireadh air a son. Uime sin, b’ann anns na nìthean so féin a dh’ ainmich mi a bha Burke a’ saoilsinn na maiseachd. Tionndamaid a nis ar sùilean a dh’ ionnsaigh fhianuis eile, feuch dé tha aige-san ri ràdh mu’n ghnothach cheudna. An déidh Burke, mata, gabhamaid Price mar eisimpleir. A thaobh iomadh rud, b’ionnan beachd is inntinn daibh le chéile; ach is e an diubhras a th’ eadar an dithis nach robh Price idir toileach air mòr bhuaidh na h-inntinn air comas léirsinn an duine a dh’aideachadh—coma co-dhiubh, ’s e a bu mhiann leis-san a dhèanamh, cuairt no saoghal gu math cuimte crìochnaichte a bhuileachadh air an fheart a thuirt mi, mar ionad-oibrichidh nàdurra dlìtheil dha. Thuirt Price nach eil ann an inntinn an duine ach a mhàin sgàthan, anns am faicear, air an tilgeil an sin, coslas riochdail nan cruthan sin air am mò a tha de thlachd againn dùr-amharc a dhèanamh, do bhrìgh àrd mhaiseachd is cuimse loinneil nan culaidh eireachdail sin. Anns a’ char so, ma ta, thuigear gu soilleir gu’n robh Price a dh’aona bheachd ri Hume, ach gu’m bheil an dara fear a’dol rud beag na’s fhaide na tha an neach eile. “To attribute (arsa Hume) a distinct existence to the things which we feel, or see, is unreasonable. Reason neither does, nor is it possible it ever should, upon any supposition, give us any [TD 133] assurance of the continued and distinct existence of any body.” Ach, mur bi cead agam a ràdh gu’m bheil an nì so, no an rud ud eile air am bi mi a’ gabhail sealladh le mo dhà shùil chorporra féin ann an ceart da-rìreadh, dé am feum a bhi fiosrach mu nàdur na maiseachd—no dad sam bith eile de’n t-seorsa spioradail neo-ghreimeil sin, gun tighinn idir air cùspairean a ghabhas beannail no làimhseachadh leinn ceart gu leoir? Chuir Hume ris an aideachadh neònach so a rinn e le innseadh. “All the rules of logic require a continual diminution, and at last a total extinction of belief and evidence.” Gun teagamh, treòrachadh na seòlaidhean a thug Price seachad sinn-ne gus a’ cheart cho-dhùnadh ris an d’thàinig e féin, nan rachadh againn air iad a chur gu pongalach an gnìomh. Sgrìobhadair comasach eile bha an tòir air a’ mhaiseachd roimh so, agus air an robh meas mór aig ar sinnsearan de’n linn so chaidh, b’e am fear sin Jeffery, a sgriobh sa dh’fhoillsich móran mu’n chùis cheudna. Is e a bu bhonn sa bu bhàrr do’n chreideamh aige-san, nach robh anns a’ mhaiseachd air fad ach an nì sin i féin, agus gur faoinn duinn sireadh air a son an taobh a staigh de chùspair dealbhach air bith, air cho briagha loinneil cuimir sa dh’ fhaodadh a’chulaidh sin a bhi, a réir barail na móir-chuid. Beauty is not an inherent property or quality of objects at all, but the result of the accidental relations in which they may stand to our experience of pleasures or emotions; and does not depend upon any particular configuration of parts, proportions, or colours in external things, nor upon the unity, co- [TD 134] herence, or simplicity of intellectual creations—but merely upon the associations which, in the case of every individual, may enable their inherent and otherwise indifferent qualities to suggest or recall to the mind emotions of a pleasurable or interesting description. It follows, therefore, that no object is beautiful in itself, or could appear so antecedent to our experience of direct pleasures or emotions; and that as an infinite variety of objects may thus reflect interesting ideas, so all of them may acquire the title of beautiful, although utterly diverse and disparate in their nature, and possessing nothing in common but this accidental power of reminding us of other emotions. Barail eile aig Jeffery:— The power of taste is nothing more than the habit of tracing those associations by which almost all objects may be connected with interesting emotions. Air a’ bharail so a chuir Jeffrey an céill, chan eil agamsa ach so a dh’innseadh san dol seachad: ma ghabhas “almost all objects” cur an dlùth-chrochadh ri “interesting emotions,” an sin feumaidh gach fear dhiubh a ghabhas gnàthachadh mar sin a bhi ’na eisimpleir dealbhach air a’ mhaiseachd—an rud nach eil. Faodaidh nì no neach air leith an sud san so a bhi “interesting” am bheachd-sa, ach, aig an àm cheudna, gu ro neo-mhaiseach a réir breith mo dhà shùla. Chan idir ionnan a thaobh nàdur “tlachd” agus “maise,” co-dhiubh a bhios an dara rud a’ tighinn an làthair ann an riochd corporra no chaochladh. A réir coltais, b’e an spéis anabarrach a thug Jeffrey do sheann lìtreachas na Gréige is na Ròimhe a thug air tuisleachadh, agus dol air faondra, mar a dh’fheuch mi. Coma co-dhiubh, chan eil cinnt nach e an taobh blath a bh’aige [TD 135] do’n lìtreachas a thuirt mi a thug air bladh na maiseachd a shocrachadh mar a rinn e. Cha bhi an aineol air an leughadair gu’n robh Virgil de’n bheachd gur ann an sùil an fhir-amharc, is chan ann idir anns a’ chùspair e féin, a fheumas sinn sireadh air son màthair-aobhar na maiseachd. “Chan eil anns na dàintean (ars esan), ach na dàintean iad féin. Na gheibh sinn de sgoinn is de snas annta-san, tha na feartan matha sin uile a’ sruthadh am mach, chan e idir bho sgil is thapachd an neach a rinn iad, ach bho na théid a chur de spiorad is de sgèimh annta leis an fhear a leughas iad.” Agus so aig an leughadair éisimpleir eile air a leith-bhreac dòigh smuaineachaidh—eiseimpleir a chaidh a tharruing bho obair ùghdair-éiginn air nach eil cuimhne mhaith agam an ceartuair, ach a bha ainmeil gu leor ’na lin ’s ’na là, co-dhiubh a b’e Gréugach no Ròmanach a bh’ann. “So agad aon rud air am bheil mise ag amharc mar nì nach toir am feasd cur an teagamh no diùltadh air chòir air bith: nach eil r’a fhaotainn air uachdar gruinnd urra no cùspair air bith a tha ann féin luachmhor no neo-luachmhor, ion-mhiannaichte no chaochladh, maiseach no grannda, ach gu’m bheil a h-uile deagh bhuadh a théid againn a bhuileachadh air na nìthean so a’ sruthadh am mach bho aigne is spiorad an duine a dh’ amhairceas orra, agus bho ghluasadan diomhair na chàileachd sin a chaidh a leigeil do gach aon againn.” Gun teagamh, cuiridh an ràdh so an cuimhne duinn innseadh àraidh eile de’n cheart ghnè a leig Petrarch seachad—duine làn eolais, agus fear aig an robh meas mór air seann lìtreachas [TD 136] na Ròimhe. Tha Petrarch ag ràdh, “Luach moralta agus Maise, buinidh an nàdur a théid againn a bhuileachadh air na nìthean so do nàdur nam faireachdainnean a dh’ fhiosraicheas sinn-ne, an uair a bheachdaichear air cruthan beo no neo-bheo air am bheil coslas a tha coltach ri smuaintean de’n t-seorsa a thogail duinn. Ach, chan eil anns na faireachdainnean so féin a dh’fhiosraicheas sinn ach toradh eagnaidh air ar n-inntinnean, agus mar sin, caochlaidh iad a thaobh a’ chruth a bhios iad a’ chaitheamh a réir càil is nàdur gach inntinn air leith a ghabhas beachdachadh orra.” Ach, cha b’fhada a mhair na smuaintean a bh’aig an fheadhainn a bha baraileachadh mar so mar an cuid féin. Dh’ éirich Ruskin ’nan aghaidh, agus mar bu ghnàth leis an duine comasach, ach iargalta, ud, a dhèanamh, thug e garbh ionnsaigh orra. Thuirt is chum e gu dian diorrasach am mach gu’m bheil an spéis a th’againn do’n mhaiseachd gu tur an earbsa ri grunnan beag de laghannan nàdurra simplidh; agus, fòs, thug e air na laghannan sin a dhèanamh soilleir, agus iad a thogail an àird os cionn a h-uile ghné amharuis. “Whatever (ars esan) I have asserted throughout this work (Modern Painters) I have endeavoured to ground altogether on demonstrations which must stand or fall by their own strength, and which ought to involve no more reference to authority than a demonstration of Euclid.” Leig e thuigsinn duinn, mar an ceudna, gu’m feumar na h-ealainean a stéidheachadh air bonn Nàdair e féin, a’ tagradh, aig an aon àm, gu’m bu chòir duinn aire sònruichte a thoirt, chan ann idir “do ’n chainnt [TD 137] sin air an àbhaist do na h-ealainean feum a dhèanamh” ach do gach smuain is beachd a théid air an duine a chruthachadh sa leigeil air adhart an àm dha bhi tighinn air nìthean àrda, anamanta, mór-chùiseach. Barrachd air an so, ar leis gu’m bheil aig na h-ealainean crìoch no ceann-uidhe no dhà tur air leith bho’n fheadhainn sin a tha r’am faotainn an taobh a staigh dhiubh féin, agus gu’m bheil na h-ealainean ceudna comasach air siubhal gu h-astaireach thar nan iomallan suidhichte sin. Thuirt Ruskin, cuideachd, nach eil ann an cruth no cùspair air bith a roghainneas neach, gus feum a dhèanamh air fa chomhair, agus an ainm, na h-ealain sònruichte sin air am bheil e an tòir, ach àireamh de bhuadhan nach buin idir an ceart da-rireadh do nàdur nan cruthan taghta sin, ach gur buadhan iad so a choisinn iad daibh féin air dhòigh air chòir-éiginn ris nach robh sùil riamh aig duine beo. Agus an àite nan ealainean a bhi air an cur an cleachdadh is air an toirt gu feum air sgàth gaoil Dhé agus leas an duine, bu chòir duinn leanail orra—ma’s ceart a’bharail aig Ruskin—air an son féin a mhàin. Seadh, feumar leanail gu dian dlùth orra mar so, eadhon ged a bheireadh oirnn a bhi dèanamh mar a tha Ruskin ag iarraidh oirnn gu’m biodh sinn a dhèanamh, leanail orra gu crìochan uile gu leir neo-iomchuidh, eadhon mi-bheusach. “I shall pay no regard whatsoever (ars esan) to what may be thought beautiful or sublime, or imaginative. I shall look only for truth, bare, clear, downright statement of facts; showing in each particular, as far as I am able, what [TD 138] the truth of Nature is, and then seeking for the plain expression of it, and for that alone.” Nach cruaidh thar tomhais an fheuchainn so a tha Ruskin a’ moladh duinn? Is mór is eagal leam féin gu’m bheil i sin tuilleadh is trom cruaidh fa chomhair neart dìblidh nan nìthean sin air son an deachaidh a chruthachadh leis. Coma co-dhiubh, dé an t-ullachadh is miosa is urrainn a bhi fa chomhair a bhi dol mu’n cuairt air son aon de na h-ealainean a chur an cleachdadh, no sgriobhadh mu’n deidhinn, na duine a bhi dearmadach caoin-shuarach mu’n “Sublime and the Beautiful”? Mar sin, is léir an gnothach gu’m bheil cuid a’ saoilsinn na maiseachd an aon rud, agus feadhainn an rud eile. Iadsan a bhuin ris a’ chùis roimh so tha iad uile an iomadh-chomhairle nach beag mu’n deidhinn; agus, leis gu’m bheil, nach maith a fhreagras e duinn air fad, gun sinne a bhi tuilleadh is earbsach ás a’chomas a th’againn air réiteachadh a chur air cùis mu’m bheil cho liuthad dhaoine tuigseach fóghluimte an déidh cur am mach gu searbh air a chéile? Ach, faiceamaid an toiseach dé a ghabhas dèanamh leinn chum fìor nàdur na maiseachd fhaighinn am mach, agus an rud sin a dh’fhàgail beagan na’s soilleire seasmhaiche na is urrainn duinn a dh’innseadh gu’m bheil e mar sin an ceartuair. Thàtar a ràdh le cuid gu’m feumar fìor mhàthair-aobhar ar ceudfathan spioradail air fad a shireadh ann an eolas-nàdurra, leis am bheil sinn uile air ar gluasad an tomhas beag no mór. Ach, an aghaidh so, ar le cuid gur e an t-oilean prìomh stéidh is [TD 139] ceann-aobhar ar faireachdainnean is ar n-oidheaman gu h-iomlan; am feadh a tha cuid eile ann a tha de’n aona bheachd ri Darwin, a thuirt nach fhaod sinn amharc air na h-oidheaman a chaidh a phlanntachadh annainn-ne ach a mhàin mar thoradh eagnaidh air an Rothlas. A reir coltais, is ann an eolas-nàdurra a tha an spéis a th’againn do’n mhaiseachd a’ faighinn a tùis, ged is fheudar dhomh aideachadh, aig an àm cheudna, gur ann mar is mò a gheibh sinn de oilean, is ann is mò a bhios am meas a th’againn air a’mhaiseachd a’dol an àird, agus, a dh’aon àm, a’ socrachadh gnàths is nàdur ar sgoinne-ne. Gu’m bheil sinn uile, mar an ceudna, fo chomain nach beag do’n ghnè fhàs sin a tha sior-oibreachadh annainn-ne, agus air an do rinn Darwin uiread de luaidh anns na sgrìobhaidhean aige, chan eil an teagamh is lugha agam féin. Ach, ceart mar a tha e ’na rud tur nàdurra duinn aoradh follaiseach a dhèanamh do Dhia, mar sin faicear gu’m bheil annainn-ne na bheir oirnn gun a bhi cumail ar tlachd is ar iongantas air an ais, ach, an àite sin, iad a leigeil gu siubhlach air an aghaidh, gach uair a thachras duinn coinneachadh ri neach-éiginn, no amharc air nì-éiginn, ás am bi sinn a’ gabhail na tlachd is mò. Gach uair a thachras sin duinn, striochdaidh ar n-inntinnean do àrd-eireachd is mór ghrinneas an t-seallaidh a gheibh sinn cho luatha agus cho pailt sin sa ghéilleas spiorad an duine do mhoralachd an Dé bheo, gach uair a théid aige air beachdachadh air maitheas neo-chrìochnaichte agus oircheasachd do-chaitheamh a Chruthadar gun bheud. Cha [TD 140] chleachdadh leinn, aig an leithidean sin de àm, stad a dhèanamh car greis, gus a’ cheist so a chur oirnn féin: car son a bhitheamaid a’ dèanamh mar a tha sinn? ’S e gluasad tur nàdurra a th’ann, agus bheir e oirnn striochdadh ris cho luatha is cho tric sin sa théid againn air e a dh’fhiosrachadh annainn-ne. Mar sin, géillidh ar n-inntinnean do’n ghluasad a dh’ ainmich mi cho tric agus a fhiosraichear e, agus sin, gun sinn-ne a bhi dèanamh uiread agus aon oidhirp air e a cheisteachadh, no an t-aobhar o’n d’thàinig e fhaighinn am mach. Chan eil againn ach striochdadh gu h-umhail san uair, agus aoradh a dhèanamh gun fhios carson, ach làn cinnt againn, aig an àm cheudna, gur e nì cho nàdurra duinn ar gaol do’n mhaiseachd a leigeil air adhart sa tha e ar gràdh do Dhia a chur gu follaiseach an céill. Thuirt mi mar tha gur ann an gaol no an gràdh a bha Burke a’ sireadh, gus ceann-aobhair na maiseachd a thoirt am fradharc; agus ar leam féin nach b’urrainn da nì a b’fheàrr a dheanamh, oir iarraidh no sgrùdadh air bith a théid againn a chur air bonn, le sùil ri màthair-aobhar na maiseachd fhaighinn am mach, chan eil teagamh nach toir sin oirnn a bhi gabhail ris a’cheart cho-dhùnaidh gus an d’ thàinig an duine ainmeil ud, ge b’e air bith beachd a dh’ fhaodas a bhi againn mu dheidhinn nàdur na maiseachd i féin. Ach, air cho miannach agus a tha mi air mise a bhi air mo chunntadh am measg nan deisciobuil aig Burke, chan fhaod mi ach dealachadh ris nuair a tha e cantuinn gur anns a’ ghnè ghaoil sin a bheir firionnach do bhoir- [TD 141] ionnach a dh’ fheumas sinn sireadh air son prìomh aobhar ar smuaintean a thaobh àrd-ghrinneas na maiseachd. Cha chreid mi féin idir gur barail cheart i so, agus tha fadal orm dearbhadh gur feàrr a coltas na a brìgh. Ciod iad na smuaintean is tràithe agus is pailte lionas ar n-inntinn air duinn sealladh fhaighinn air boireannach eireachdail àluinn dreachmhor maiseach? Chan i idir gnè an tè air an d’ fhuair sinn sealladh an nì a bhios air uachdar ’nar n-inntinn an toiseach. Is ann do dhreachd-mhorachd a crutha is a coltais, is chan ann idir do ghnè na tè air an do leig sinn ar súil, a gheilleas ar reuson agus a striochdaidheas ar toil; agus ged a thachradh duinn, an ceann ùine, tuiteam gu buileach ’nar creach aig smuaintean nach biodh cho glan riu sin, gidheadh cha bhi a’ cheud sùil a bheir sinn oirre ach saor gu tur bho smal na feòlmhorachd. Ach, ged nach eil ann am boireannach eireachdail àluinn ach sealladh anabarrach grinneas tlachdmhor anns gach dòigh, cha ghabh e àicheadh nach eil iomadh cuspair eile ann a tha a’ cheart cho tlachdmhor briagha ri sud. Cha ruig mi idir a leas iomradh a dhèanamh air gach aon dhiubh so: is eol do gach fear iad, agus gun teagamh éirigh gu grad a roghainn féin de’n iomlan a tha am bheachd air beulaobh shùilean a h-uile inntinn a dh’ fheuchas ri cruth is dealbh cinnteach a chur air a’ chuid sin dhiubh a theid againn beachdachadh orra. Ach, de na miltean de chùspair àluinn greannmhor loinneil a dh’ fhaodas sùilean ar n-inntinnean a thogail duinn, anns an dòigh a thuirt mi, is fìor bheag dhiubh sin a [TD 142] bheir oirnn a bhi smuaineachadh mu nìthean a bhuineas do’n ghaol, ged nach lugha comas an dara gné air ar tlachd a thogail agus ar n-iongantas a chur an àird na tha an té ud eile a dh’ ainmich mi. Uime sin, carson a bhitheamaid an geall air ceann-aobhair de’n t-seorsa a bha miadhail le Burke a thoirt do’n spéis a th’againn do’n mhaiseachd? Nach mò gu mór Nàdur na an urra, agus àilleachd an domhain na maise nam ban? Beachdamaid a nis car tamaill air na h-ealainean féin, a dh’ fheuchainn an tilg iad-san rud-éiginn de sholus air cùspair ar tòir. Is math a tha fios aig a h-uile neach gur ann an cràbhadh cumanta mhuinntir na h-Aithne a dh’fheumas sinn sireadh gus prìomh-aobhar an dàn-chluiche chinneachail aca fhaighinn am mach; agus is ann a tha an ràdh ceudna a’ cheart cho fior a thaobh gach uile dàn-chluiche cinneachail eile air am bheil meas mór aig an t-saoghal aig an àm. Is i is crìoch àraidh do na h-eileanan air fad toileachas-inntinn; ach ged a tha so mar so, faicear gur ann air gluasad crabhach air chòir-éiginn a dh’ fheumar ceud cheumanan uile na ceart ealain a charachadh. Bha an dà chuid gràbhaladh nan Gréugach agus dealbh-tharruing nan Eadailteach gu tur an eiseimeil agus an earbsa ri nàdur cràbhach agus diadhaidh nan caochladh cùspairean a bha toirt cruth agus susbaint daibh air son nam buadhan maiseach agus nam feartan spioradail leis an robh iad air an comharrachadh am mach air dhòigh cho seach àraidh ionmholta iongantach. Agus ged a chàill na h-ealainean cuid mhór de’n nàdur so a bh’aca an tùs, a’cur dhiubh, a [TD 143] lion beag is beag, an taobh is an t-aomadh làidir sin do’n chrabhachd is do nìthean spioradail a bh’aca an toiseach, a réir is mar a chaidh an spéis a bh’aig an t-saoghal do chràbhachd is do dhiadhachd a chur an lughad leis an t-sluagh, gideadh is éiginn duinn an cron air son sin a leigeadh air na cearta guaillean air an còir duinn an cudrom sin a chur, is chan ann idir air na h-ealainean iad féin, agus an luchd-cur-an-cleachdadh, do nach urrainn ach striochdadh gun toil a dhèanamh do’n ghluasad mhór so a thachair a thaobh càil is sgoinne na codach bu mhò de mhuinntir an t-saoghail. “As the desire for novelty and variety increased (arsa neach-éiginn, a sgriòbh móran is maith is fhiach a leughadh mu cheud-thùs nan ealainean) men began to look rather to the pleasure which they derived from the capacities inherent in the arts themselves, and more or less lost sight of the great ends which these had once served.” Cha bhithinn-sa féin gun chron ’s a’chùis, nan rachadh agam air oidhirp a thoirt air rud-éiginn feumail a cho-chur ri chéile air stéidh-sgriobhaidh “Tòir na Maiseachd” gun luaidh a dhèanamh air an atharrachadh mhór so a thachair an eachdraidh-beatha nan ealainean. Is e an nì mata air am mò a tha mhiann orm leudachadh air an àm gur e tùs fìor chràbhach a th’ aig na h-ealainean air fad, agus gur e dol an lughad agus tuiteam air falbh a dh’fhiosraich iad cho luatha sa theann iad ris a’ ghreim a bh’ aca air na h-àrd chùspairean spioradail sin a bh’aca san amharc an toiseach a chall. Ach, is ann a tha cùis no ceist eile air an àill [TD 144] leam beagan bhriathran a dh’innseadh an so—agus ’s e aon diubh sin, dé an nì anns am bheil a’ mhaiseachd féin a’ co-sheasamh? Nach fìor an ràdh gu’n toir an rud so mineachadh a réir càileachd is aomadh nàdurra gach inntinn air leith a ghabhas beachdachadh air; agus ma’s ann mar so a tha chùis, nach coltach an rud gu’m faigh sinn cho liuthad mineachaidh sa théid an ceann gnothaich de inntinnean a chum fuasgladh a chur air a’ cheist? Gun teagamh, so againn cruaidh-chàs a thaobh am bi cuid againn air thì gu dèanamh ceart mar a rinn an Leibhiteach o shean, a ghabh seachad air an taobh eile de’n t-sraid gun an umhal bu lugha a thoirt do’n neach a bha ’na laidhe leth-mharbh; ach o’n is i is barail leam féin gur “miosa a chomhart na a bheum,” tha mi a’ cur romham dèanamh na ghabhas dèanamh leam los fuasgladh a chur air a’ chùis. Thuirt Virgil: “Is ann an sùil an fhir-amharc, is chan ann idir anns a’ chùspair e féin air am bi neach a’ gabhail sealladh, a tha a’ mhaiseachd a’co-sheasamh. Is àlainn an nì a’ chuairt, a réir sùil an fhir a dh’ amhairceas air eiseimpleir dhith a chaidh a dhealbhadh gu pongail cuimir; ach, leatha féin, chan eil dad de mhaise innte.” Ach, nach léir an gnothach do’n a h-uile neach gur faoin an nì maise a dh’àiceadh do’n chuairt mar chuairt, ma bhios a h-uile fear de’n bheachd gur cruth no dealbh i sin a tha làn mhaise agus dreachmhorachd innte féin? Taobh am mach bho’n fheadhainn sin a chaidh a bhuileachadh oirnn le Dia, dé iad na meadhonan a th’ againn air son breith no barail a cho-chur ri chéile mu a leithid sin de nì?—no dad sam bith eile air [TD 145] an còir duinn amharc mar phàirt de ar fiosrachd-ne? Is ann troimh inntinn an fhir-amharc a labhras an t-sùil, agus na bhios ar leirsinn a’ moladh duinn, cha churam nach bi cabhaig air ar bilean sin a dh’àrdachadh. Theagamh nach nì idir àlainn dreachmhor a’ chuairt innte féin. Air sin, aig Dia a mhàin tha fhios; ach, co-dhiubh is e cruth àluinn dreachmhor a th’innte no nach eil, tha làn chinnt againn air so—gur cruth glé mhaiseach i, a réir barail na mor-chuid, agus, ma’s muinntir purpail tuigseach sinn-ne, foghnaidh am fios so a fhuair sinn fa chomhair gach tùrn aimsireil no iarrtais talamhaidh a théid againn a choimhlionadh ri àm ar beatha anns an t-saoghal so. Mar sin, is e is bonn is bàrr do’n chùis air fad, gu’m bheil sinn, d’a taobh-sa, ceart mar a tha sinn a thaobh gach rud talamhaidh eile mu’n iadhaidh breith no barail air chòir-éiginn—ann an eisimeil agus an earbsa ri smuaintean an atharraich. Ach, chan fhaodar leigeil le cùisean a bhi mar so deargadh oirnn cho mór agus gu’n géillsinn a bhi ’nar ball-spors bith-bhuain aig baralaichean feallsa, gun bhonn gun bhàrr. Tha againn, mar tha, “laghannan” is seòlaidhean ach beag gun àireamh air am faod sinn feum a dhèanamh, chum barail cheart chothromach mu’n rud so no an nì ud eile a thoirt am mach; agus o’n a chaidh a’ chuid is pailte agus treasa de na riaghailtean so a chur ri chéile agus a dh’ fhoillseachadh le muinntir air an cleachdadh leinn amharc mar rogha is tagha a’ ghliocais agus na h-iùlmhorachd, tha a bhi leanail gu dlùth orra so tùrn no gnìomh cho feumail tarbhach agus a [TD 146] ghabhas dèanamh leinn, ma sheas gu’m bheil sinn miannach a bhi air ar measadh mar dhaoine tuigseach grunndail, agus mar chàirdean sùrdail tùrail dealasach do aobhar eireachdail na fìrinne. Ach theagamh gu’n abair cuid, “Chuala sinn mar tha am pailteas mu dheidhinn na maise: nach bi cho maith duinn a nis fios cinnteach fhaotainn air nàdur an nìthe sin i féin. Gu dé an nì a’ mhaiseachd, mata, agus dé iad na buadhan air am bheil i air a dèanamh suas?” Feuchaidh mi ris a’ chruaidh-chàs so a dh’ fhuasgladh, mar is fheàrr is urrainn mi.” A nis, is e anns a’ chùspair e féin, is chan ann idir anns an inntinn, a tha a’ mhaiseachd a’ co-sheasamh an ceart da rireadh; ach, a chum is gu’n rachadh againn air a ràdh le cinnt co-dhiùbh a tha an cùspair so no a’ chulaidh ud eile air am bheil sinn ag amharc fìor mhaiseach no nach eil, feumaidh ar n-inntinnean a dhol fo ghluasad rud beag an toiseach. Cruthaich Dia an saoghal, agus a h-uile nì a gheibhear ann; ach, gu sinn-ne a dhùsgadh gu geal fhaireachadh a thaobh a rìomhaidh is a mhaiseachd air fad, tha, mar gu’m b’eadh, beanail na h-inntinne riatanach mu’m bi làn thuigsinn againn air àrd luach nan nithean àilinn sin, do bhrìgh gur i, an seadh àraidh, inntinn an duine a chruthaicheas a’ mhaiseachd. Am briathraibh eile, an uair a chruthaich Dia an saoghal, a’ dèanamh dheth ionad-comhnuidh duinn cho àlainn tlachdmhor agus is urrainn do mheamnachd an duine a mhiannachadh, cha do rinn e stad aig an sin, ach, a’ dol gu fialaidh air aghaidh, chuir e ris na tiodhlaichean a bhuilich e oirnn le bhi fosgladh suas shùilean ar [TD 147] n-inntinnean do chuimireachd is àrd-mhaiseachd gun crìch a oibreachan uile. Is maith a thuirt sgriobhadair àraidh: “Tha an comas reusoin a th’aig a h-uile neach ’na ghuth-eagnaidh do’n a h-uile fear.” Gun teagamh, o’n is e is iùl do’n duine, gus cuideachadh leis gu barail cheart a thoirt mu nàdur na maiseachd, ’aigne agus a sgoinn personta féin, cha ghabh e seachnadh nach bi eas-aontachadh nach beag ann mu’n chùis—seadh, chan e cus e ri ràdh gu’n caochail beachd an cruth a chaitheas e cho tric sin ach beag sa leigear barail air a h-adhart no a bhios breith air a thoirt seachad. Ach, ged a bhiodh so mar so, agus a h-uile fear air thì gu a bheachd féin a chur an céill, air cho beag fuar agus am bi am misneachadh chum sin a bhios e a’ faotainn, gidheadh feumar cuimhneachadh nach ann buileach gun riaghailt gun iùl a tha sinn-ne a thaobh a bhi leanail air a’ cheart ghnothach so a thuirt mi. Feumaidh sinn sgaradh curamach a chur eadar beachd is beachd, a’ gabhail gu h-earbsach ris an fheadhainn sin dhiubh a thèid am mach bho cheàrnan sruthaidh air am bheil meas mór againn féin a thaobh eolas is fiosrachd a’ mhuinntir a leig iad seachad an tùs, agus cùil a chur gun ag no sòradh sam bith ris a’ chuid sin dhiubh nach deachaidh riamh an stéidheachadh cho maith sin. ’Na leithid sin de thòir, chan eil againn ri dhèanamh ach dìreach na is àbhaist duinn a dhèanamh anns gach càs eile tha ’fhuasgladh agus a shochrachadh féin uile gu leir an earbsa ri barail cuid de mhuinntir ás am bheil sinn làn earbsach, agus nach do shaoraich gun bhunnachd daibh féin is do’n t-saoghal air fad, anns [TD 148] na ceàrnan sònruichte sin a chaidh a thagadh leo mar ionad-oibrichidh do na tàlannan aca. Faodar a ràdh gu’m bheil gach dealbh nach gabh cur an ag mar dhealbh finealta riochdail a’ co-sheasamh air àireamh àraidh de bhuadhan sònruichte, agus anns na buadhan àraidh sin is éiginn gu’m biodh a h-uile deagh bhreitheamh dhealbha làn eolach; agus o’n is iad riaghailtean stéidhichte cinnteach a th’anns na seolaidhean suaicheanta so, le’n gabhail thar cheann, chan eil aig a’ bhreitheamh a dhèanamh ach iad a chur gu pongalach an gnìomh, ma’s i is obair inntinn dha coimhearta ceart a dhèanamh eadar deagh dhealbh agus fear a chaidh a tharruing air dhòigh nach maith. Uime sin, air duinn dol an ceann gnothaich gus fìor nàdur na maiseachd fhaighinn am mach, b’fhaoin duinn gun sinn-ne a bhi air ar stiùradh le beachdan na feadhnach sin is feàrr a tha suidhichte, a thaobh pongalachd an sgoinne, farsaingeachd an eolais, agus meud am fiosrachd, gu sinn-ne a chuideachadh gu ar baraileachan féin a cheartachadh mar is còir, agus iad sin a chur air deagh rìaghailt. Seadh, cha ghabh so seachnadh uiread agus aon uair, ma’s maith leinn buadhachadh san tòir a thuirt mi; ach, fathast, tha am inntinn-sa dòigh eile anns an còir duinn earbsa a chur, mar mheadhon éifeachdach gu cuideachadh leinn gu ceart thuigsinn air fìor nàdur na maiseachd fhaighinn. Ris a’ cheud dòigh a thuirt mi, faodaidh sinn “Modh an Eolais” a chantuinn, do bhrìgh gur e toradh air an fhòghluim a th’anns an t-seol sin; agus a thaobh an darna modh ’s e, ma dh’fhaoidte, an t-ainm is fheàrr is urrainn duinn a chur air, “An Dòigh Nàdurra,” leis gu’m bheil i sin ’na [TD 149] toradh eagnaidh air an spéis nàdurra a th’aig gach aon againn do nìthean àlainn dreachmor cliùiteach. Tha mi ag innseadh “cliùiteach” an so do bhrìgh gur e fìor phàirt, agus, theagamh, a’ phàirt is luachmhoire de’n mhaiseachd air fad, gach tùrn no smuain no gnìomh cràbhach a leigeas an t-atharrach air adhart, no a chuireas sinn-ne an céill, no a théid againn a dh’fhiosrachadh an taobh a staigh dhinn féin. Air an aobhar sin, chan fhaod sinn a bhi na’s lugha mothachail—cha mhò na’s lugha taingeil air a son—air maise is àrd-luach an duine sin a rianaicheas a a smuaintean is a dh’ordaicheas a bheatha air fad a réir àitheanta Dhé na is buailteach duinn a bhi mu shealladh bòidheach, no dealbh àraidh a chaidh a tharruing air dhòigh nach eil ach gu sònruichte maith. Seadh, abairinn féin gur mò, agus gur éifeachdaiche gu mór, gus cuideachadh leinn éirigh gu làn thuigsinn air brìgh is nàdur na fiòr mhaiseachd, an dara sealladh seach aon de’n fheadhainn ud eile a dh’ ainmich mi; oir, anns an tòir onorach agus ionmholta air am bheil sinn an geall an ceartuair, bu chòir gu’m biodh so an comhnuidh mar riaghailt duinn: gur ann mar is dlùithe a theannas ar spiorad air Dia, agus oibreachean oirdhearc a làimhe-san uile, is ann is mò a dh’ fhàsas ar comas, agus a mheudaichear ar déidh, air nìthean àluinn a thuigsinn agus a mhealtuinn mar is còir, Seòlaidh gu luath agus gu cinnteach sinn-ne an spéis a th’ againn do naomhachd, is do na subhailcean gu h-iomlan, gu gaol is làn thuigsinn fhaighinn air a’ mhaiseachd an coitchionn; oir is ann le toil Dhé a chaidh cùisean gan ordachadh mar so: gu’m [TD 150] bheil gaol air an fhìor mhaiseachd agus gràdh do’n fhìor dhiadhaideachd ’nan toradh prìseil air an aon cheudfath spioradail—air an aon dìth anamanta. B’e Gibbon a thuirt, “Solitude is the nurse of genius”; agus air an aon leagadh maille ris tha spéis do’n mhaiseachd, còmhla ri làn thuigsinn air an nàdur sgéimhealach a th’aice-se; oir ma’s math leinn faotainn an dlùth dhàimh ris an dà nì so a thuirt mi, air chòir is gu’m bi sinn air ar lionadh is air ar gluasad anns gach dòigh le seolaidhean báidheil an spioraid-san, is ann an sìth agus an sàmhchair a dh’fheumas sinn dol air an tòir. An t-uidheamachadh is feàrr agus is éifeachdaiche is urrainn duinn a chur air dhòigh, fa chomhair a leithid sin de shireadh, ’s e a bhi gar tàradh féin air falbh bho àmhgharan buaireasach is an-shocairean farranach an t-saoghail so, agus teannadh am mach ri streapadh, gun nì eile bhi air ar siubhal ach màileid an aonarain agus bata an taisdealaich. O quam contempta res est homo, nisi supra humana erexerit! O na mìltean de inntinn thorach dhealrach a thug luaidh ait roimh so air a bhi sealltuinn sìos air an t-saoghal, is na gheibhear de riomhachd ann, air sgàth meudachadh eolais agus buannaicheadh anma! Cho fad air ais ri linn Alasdair Mór nan Gréugach, gheibhear cunntas mionaideach air cuid de fheadhainn a thàr iad féin air falbh bho shaoghal nach robh idir a’ cordadh riu, agus a mhol, ceart mar a rinn Menander, subhachas nan làithean a thug iad seachad ann a bhi dol an tòir air an fhòghlum, agus stri buan-mhaireannach a dhèanamh gus na subhailcean a chur gu neo-sgàthach an cleachdadh: [TD 151] [Seann Ghreugais] Bu thràth da-rìreadh (dé cho tràth chan eil fhios) an eachdraidh an t-saoghail a chaidh an seorsa caithe-bheatha so a mhol Menander duinn a chur an céill an tùs le cuid a bha an geall air buadhan an anma a thoirt gu ìre àird, agus feartan an inntinnean a chur am feabhas, mar bu mhò a ghabhadh dèanamh leo; ach a dh’ aindeoin sin, chan eil cinnt nach e Petrarch am fàidh agus am fear-seòlaidh a b’ainmeile, a b’eireachdaile, agus a bu ghlice a chaidh riamh a leigeadh duinn anns a’ char so. Gun teagamh, bha iomadh reult mhóir dhealrach eile de’n cheart ghnè uaireiginn ann—reultan boillsgeil a thug soillse anabarrach do iarmailt dhèarrsach an àrd fhòghluim agus nan subhailcean; agus, am measg na buidhne glòrmhor so a thuirt mi, dé an t-ainm is measaile agus is ionmhainne leinn air fad na Geothe, air an do rinn Carlyle uiread de luaidh éibhinn anns na sgrìobhaidhean aige? To cultivate his own spirit, not only as an author but a man, to obtain dominion over it, and wield its resources in the service of what seemed good and beautiful, had been his object, more or less distinctly from the first, as it is that of all true men in their several spheres. Ach, a dh’aindeoin so is gu lèir, chan eil fear no té is àirde tha seasamh nar beachd anns a’ char so na Petrarch. B’ esan a thug, anns an leabhar a sgrìobh e, agus d’an ainm De Vitâ Solitariâ, rian is riaghailt, còmhla ri cruth gun choimeas, do’n t-seorsa oilein so gu h-iomlan. Anns an leabhar ainmeil [TD 152] ud, chuir e gu h-ùrlabhrach an céill na smuaintean a b’eireachdaile bh’aige air mar is còir duinn feum ceart a dhèanamh air beatha an aonaraich, agus dé a ghabhas dèanamh leinn ionnus is gu’m bi inntinn an neach a chleachdaicheas a’ ghnè bheatha sin air a chur an dlùth cho-chomunn ri Nàdur agus oibreachan maiseach uile an Dé mhóir. Agus dha-san co-dhiubh, cha b’e rud riamh faoin no baoth na theagaisg e, oir, aig Vancluse agus Selva-piana, far an d’fhuair e cothrom air na riaghailtean a rinn e a chur gu riochdail an cleachdadh, dh’fheuch is dhearbh e féin an rian beatha a chruthaich sa mhol e. Chan e idir aonragan lunndach gun fheum gun fhiù a bha ’na aonragan-san. Cha d’thog esan beinn no coille air, gun nì eile bhi ’na bheachd ach cothrom fhaighinn air fuasgladh a thoirt d’a dhèigh fhéinealaich féin air a bhi faotainn cuidhichte ’s an t-saoghal so, agus a thrioblaidean uile, ach a dh’aon aobhar air son is gu’m biodh aige làn chead còmhla ri gach cothrom a b’fheàrr na chéile air a’ ghràdh làidir sin a thug e do’n eolas a leigeil air adhart an sith ’san suaimhneas, agus an spéis do Nàdur a bha e ag altrum a thoirt gu ìre àird, air sgàth glòir Dhé agus leas is sonais a’ chinne-dhaonnda. Subhachais tlachdmhor reusonta de’n t-seorsa so, agus an leithidean, tha iad uile, a réir Petrarch, ri bhi air am mealtuim leis an aonragan air dhòigh chothromach mhacanta, ach làn eud agus dealais; e a’ cur seachad a ùine ’na aonar, gus an téid aige air aithne choimhlionta chur air e féin, agus, ’na dhéidh sin, e a dhol gu dòchasach air aghaidh, gus seilbh fhaighinn air saoghal sgèimheil suilbhir anns nach fiosraichear no ceadaichear am [TD 153] feasd aon chuid géilleadh socharach do ghiulan neo-thoinsgeil dhaoine gun seadh gun fhiù, no striochdadh mi-reasonta do bharalichean gun stàth gun bhonn an t-saoghail choirbhte so. Gun teagamh, tuigidh Ceilteach gach nì dheth so, ged nach tuigeadh càch. Tha a bhi dol an tòir air rud-éiginn air chòir-éiginn dualach do’n duine; agus co-dhiùbh is e an t-sealg, no an t-airgiod, cliù no àrd-bheachdan an rud a bhios ann an cùspair ar dèidh agus miann ar cridhe, feumaidh gu’n leigear fuasgladh air chòir-éiginn do’n chiall nàdurra làidir so a th’ annainn-ne. Ach, de na miltean de chuspair a dh’ fhaodas a bhi ’nan culaidh-mhainn againn chan eil cinnt nach e a bhi dol an tòir air àrd-bheachdan spioradail am fear is mò agus is ionmholta is urrainn a bhi, agus, barrachd air an so, sin againn an tòir is fheàrr a fhreagras air nàdur nan Ceilteach, agus is mò a choisneas de mheas agus de chliù do’n fheadhainn a ghabhas pàirt ann. Bha cridhe is inntinn nan Ceilteach daonnan fosgailte gu bhi glacadh smuaintean a tha an nàdur-san ’na shaor thiodhlac aig gaol is tuigsinn air àrd-luach is maise gun choimeas a leithid sin de thòir, dìreach mar a bha iad daonnan tuilleadh is spioradail meanmnach ard-chùiseach ’nan uile dòigh gun a bhi mothachail air briaghachd Nàduir agus àilleachd mhiorbhuileach a’ chruinne-chré. “To seek out and watch and love Nature, in its smallest phenomena, as in its grandest, was given to no people so early and fully as to the Celt.” Sin againn barail ris nach iomchuidh coire fhaighinn an so; agus o’n is e deagh bhreitheamh lìtreachais, agus fìor [TD 154] charaid do na Gàidheil, a tha anns an neach a chuir i an céill—an t-Ollamh Kuno Meyer—chan fhaod sinn ach gabhail gu toileach taingeil rithe, gun ag a thilgeil no ceisteachadh a chur oirre. Ann an leabhar beag ciatach a dh’fhoillsich Kuno Meyer o cheann ghreis, agus air am bheil Ancient Irish Poetry mar ainm, gheibhear eadar-theangachadh gu beurla nan Sasunnach air dàn no dhà tha toirt duinn rud-éiginn de shoillse air mar a bha na sean Ghàidheil a’ sealltuinn air an fheadhainn sin a thàr iad féin air falbh bho chompanas an co-chreutairean, air los gaol do Dhia is spéis do Nàdur a chleachdadh sa chur am meud an sith agus an sàmhchair. Is e a th’anns aon de na dàintean so comhradh no conaltradh a thachair eadar Guaire, rìgh Chonnacht, agus a bhràthair, d’am b’ainm Marbhan—uasal a thàr e féin air falbh bho chuirt an rìgh sin a chum aithne a b’fheàrr na bh’aige roimh a chur air na subhailcean, agus iad a chleachdadh an sith agus an uaigneas; còmhla ri meòrachadh a dhèanamh air oibreachan maiseach uile a’ Chruthadair. Dh’ fheuch Guaire ri Marbhan a dh’ fhàgail mi-thoilichte leis an staid san robh e nis le bhi toirt ruith-chunntais d’a bhràthair air gach nì bu mhiadhaile na chéile bha an seorsa beatha bha Marbhan a’ caitheamh o na thàinig e gu bhi ’na aonragan a’ toirt air e a dhealachadh ris; ach a dh’ aindeoin gach argumaid a chleachd Guaire, dh’ ob Marbhan ás is ás gu géilleadh a thoirt do bhriathran a bhràthar, ag innseadh nach robh nì a b’ ionmhuinne leis-san na aoradh a thoirt do Dhia, an companas ris na coilltean, na sruthan, na beanntan, [TD 155] na féidh, na h-eòin, is a h-uile culaidh maiseach nàdurra eile bha r’am faicinn ’nam miltean mu’n cuairt air. B’e ceann a’ ghnothaich so air fad gu’m b’éiginn do Ghuaire crìoch a chur air a oidhirpean air a bhràthair a mhealladh, agus e féin a thàr air falbh gun a mhiann-san a bhi sàsuichte—nì a rinn e an déidh dha an rann thiamhaidh so a chantuinn:— Dhiolainn féin mo shàr rìgh-chòir, ’S d’ oighreachd m’athar mo roinn fòs, ’N éirig cead, gu uair mo bhàis, ’Bhi ’na d’ chomunn, a Mharbhàin. A réir Kuno Meyer, buinidh a’ chainnt anns an deachaidh an dàn so a sgrìobhadh do’n dheicheamh linn, ach theagamh gu’m bheil brìgh an dàin féin móran na’s sine na sud. Mar sin, cha ghabh e àicheadh nach robh na sean Ghàidheil cho ullamh gu aoradh a thoirt do Dhia, is cho deas gu aideachadh, an dàn no òran, àilleachd mhiorbhuileach a oibreachan nàdurra uile sa bha treubh no dream eile air am bheil cunntas earbsach againn an eachdraidh an t-saoghail, agus a bha comharraichte, mar a bha iadsan, air son mar cho làidir beothail tuigseach sa bha an gaol a thug iad do na nìthean maiseach agus eireachdail sin a tha sgèimheachadh air dhòigh cho seach iongantach taitneach aghaidh shuigeartach a’chruinne-chrè. Sin againn pàirt (agus chan e idir a’ phàirt is lugha, thoiribh an aire) de’n chliù bu dligheach duinn a phàigheadh do chuimhne chùbhraidh ar sean athraichean; ach, anns a’ char [TD 156] so, is fiach e fharraid ann an air an aon leaghadh maille riu a tha cead againn-ne de’n linn so a th’ann ar seasamh a ghabhail? An taitneach leinn-ne seirbhis Dhé, agus an caomh leinn-ne tòir na maise? RUARAIDH ARASCAIN IS MHAIRR. [TD 157] An Uair Dheireannach aig Faustus. [Eadar-theangaichte o’n Bheurla aig Marlowe.] Chan ’eil a nis ach uair de bheatha romham; ’Na dhéidh sin bàs—’s e sid mo chuid ’s mo nì ’Nur cuirsibh dèanaibh stad, O reulltan àrd, ’S, O Ghealaich lain, dèan stad na d’ shlighe réidh, A chum ’s nach bi ann tim na’s mò, ’s nach bual An dà uair dheug le binn mo pheanais mhóir. O, éireadh Grian, is biodh a gathan glan A’ soillseachadh an t-saoghail gu sìorruidh buan; No biodh an uair so dhomh mar aona bhliadhn’, Mar mhios, mar sheachdainn, no mar latha gèarr, A chum ’s gu’n dèanar leam-sa aithreachas, ’S gu sabhail mise m’ anam priseil féin. . . . . . . . . . . Tha leth-uair seachad! Beag air bheag tha’n t-àm A’ tighinn dlùth ’s an téid mo sgaradh fad’ Bho ghràdh ’s bho aoibhneas blath mo chàirdean caomh. Mus éiginn dhomh air son mo lochd a’ phris A phaigheadh ann a’ rioghachd Lucifer Na biodh mo chradh gun dochas no gun chrìch! Mo dhachaidh dèanam ann an Ifrinn dhubh Ré mile bliadhna measg na muinntir chaillt’ —ceud mile bliadhna bitheam anns an t-shlochd— [TD 158] Mu théid mi ’n sin a steach do shòlas neimh! O chan ’eil crìoch air doruinnean an dream A sheasas ciontach ann a’ làthair Dhé. Carson a ta an t-anam tha na m’ chom Neo-bhasmhor? No carson nach teich e bhuam Gu grad ’s nach gabh e tàmh ’s an ainmhidh bhorb? ’S mór m’ fharmad ris an ainmhidh, oir aig bàs A chuirp, tha curs’ an anama crìochnaichte; Ach mairidh m’ anamsa gu sìorruidh beo, ’S a’ lasair Ifrinneach gu saoghal nan saoghal. UISDEAN LAING. [TD 159] Uamh an Oir. AIG bonn Creag-Mìle-Brat, ann an cùl a’ Ghearraidh-Ghabhail air an taobh an ear de Bhagh-a’-Chaisteil ann am Barraidh, tha fhathast ri a faicinn—agus bidh gu bràth—Uamh an Oir. ’S e sin ri ràdh, a réir an t-seanachais, aon cheann dhi; an ceann air an amais mac an dobhrain o chuan agus mac an duine o thìr an diugh agus am màireach. Ach c’ àite a bheil an ceann eile,—an ceann ma dheireadh dhi? O, eudail mo chridhe!—’s e sin rud a b’ fhèarr leam fhios agam féin. ’S e sin an deile gu dearbh a dh’ aobharaich o chionn iomadh là is bliadhna brìgh an t-seanachais so a tha mise ag ùrachadh an so. Ach, bha e a’ cheart cho fasa dhomh innseadh dhuit le cinnte far a bheil Innis na Fìrinne agus Tìr nan Og. Agus mur a riaraich sin thu agus gu bheil ciocras diorasach ort do mheur a chur air an dearbh-ionad ’s a bheil i a’ tighinn gu ceann abraidh iad gu bheil sin ann am fìor ghob Aird Ghrìnn; an gob is fhaide ’n iar de fhearann Bharraidh. Ach, a bheil am beachdadh so féin cho mion ’s is math leinn? Cha’n eil. Cha ’n eil idir, a ghraidh, oir is diomhain an t-sùil fradhairc a théid air thoir a siridh agus is socharach an cridhe a gheibh lorg a cinn-sgur-se ann an Tìr so nam Beo. Ach, a roghainn sin ’s a bhi dha, ’s e miann ar cridhe a bhi a’ tollachadh, agus a’ brodachadh fo sgeith gach duatharachd. [TD 160] ’S e ar rùn gu bràth a bhi a’ fìgireachd air chùl an doruis uamhasaich ud a tha a’ sior-thoirmeasg am briathran balbhe do’r sùilean dealasach aon phlathadh; aon phriobadh-sùl fhaighinn bho Innis so na Breige air Tìr ud a’ Mhór-ioghnaidh. Eolas an Dain! ’S e so ar n-iomacheist. Nach e so agus a dhraodhachd dhèarr-làn a tha a ghnàth d’ar cridhe-ne mar a tha ’m ball le gliogan ’na bhroinn do’n phaisde,—sinn an geall air spealgan a dhèanamh air feuch—seadh, feuch am faic sinn—? Ach mar a chì an dall sealladh a bheir aoibhneas d’a anam mar sin cuideachd chì sinn-ne leis na sùilean ceudna seallaidhean a réir gnè ar spioraid. ’S aluinn leis gach creutair a ghin féin—eadhon leis an fheannaig a garrach gorm—agus mar sin is muirneach leinn-ne mac duathara ar meanmna féin agus ar cinnich. ’S ann mar sin a thig gu m’ chluais thar sheachd ciana nan linn fuaim nan dos agus sian cianail nam pong a’ giulain nam briathran mulaid ud gu m’ chridhe:— Mu ’n ruig mise, mu ’n tig mis’ A Uamh an Oir, Uamh an Oir! Ach, nach fhada o’n là ud! Nach fhada a tha Creag-Mìle-Brat a’ faire,—a’ feitheamh ri tilleadh nam fear-turuis! An diugh, tha ise; fianuis bhalbh ach mhaireann air caiseamachd nan trath, nan là agus nan linn, ’san aon suidheachadh, ’san aon fhaighidinn, ’san aon dòchas shiorruidh; ’na caithris a là agus a dh’ oidhche an duil ris a’ cheol a chluinntinn a’ tilleadh—am fiughair ri Eolas an Dain! [TD 161] Oir is math is cuimhneach leatha-se cuideachd an là agus an uair ud. Bha Maoldònaich an siod ma coinneamh, agus an Laogh ’na chois dìreach mar a tha e ’n ceartair. Le a chasan am bogadh am fliche nan tonn, agus a shlinneinean calma, tailcearra ag éirigh os cionn dachaidh an sgairbh agus leaba an duibheinich—le aghaidh a bha eadhon an uair ud sean agus gnuadha a’ sior-chumail sùil air ceithir àirdean na h-iarmailte o’n tigeadh trògbhail shion. Ach ’s e bròn an t-samhraidh a bh’ ann. Seadh, samhradh de na samhraidhean, agus là de na làithean ud mu’n cluinn sinn fhathast cronan-tulgaidh nan tonn seana an cluais nan òg-thonn beaga ag iomradh; mu’m faic sinn bruadar-cuimhne nam beanntan sìorruidh a’ toirt snodha aoibhneis air an gnuisean fad-fhulangach ’n uair a bheir Mac Geal nan Speur sùil chaomh a’ chairdeis agus an t-seann-eolais air a choimhaoisean àrsaidh féin. B’e sin an t-àm—mu’n do chaochail air na siontainnean. Aig casan Creag-Mile-Brat bha blianag bheag ghorm a’ dol sios cho fada ’s a leigeadh an t-eagal dhi an coinneamh na mara, agus gu beul na h-uamha air chòir agus gu’n robh mirc a cuibhrige a’ tuiteam ’na ghiobagan gorma thairis air a bruaich; a’ fìgireachd air postaichean a beoil agus a farchluais air a h-anail. Oir ’na cliabh-se féin bha Sgeul an Dain, ged a bha i ’n ceartair balbh mar gu’m biodh i a’ cumail balgum fala ’na beul. Thuit boinne snidhe bho a druim ’s bhuail e le sgleog fhliuch ann an lòn saile. Chaidh crith shianta fo’n aileadh ’na gloc agus [TD 162] troimh dhall-shlighe a siubhail dh’ aisig guth Mhictalla am fuaim seachad air frògan nam Fuath agus leapannan Sluagha de Danann. O, a Shiorrachd Mhóir! O, a mhanaidh an uamhais! Shaodaich an tràghadh leis an lighe a bha ag imlich busan nan cruinn chnap-chlach loma, agus cha d’ fhàg e beannachd-ghuidhe ’na dhéidh. Cha d’ fhàg e ach diosgan pathaidh nan gille-fionndrainn ri caoidh, agus iad-san a nis gun seol air a’ bhoinne a fhliuchadh am braghad. Thog liaghan a cheann buidhe-ruadh os cionn sùghadh athaiseach an tuirra, ach leis an ath-thilleadh mhoidearra bhog agus dh’ fhalaich e a shùil ’san t-saile mar gu’m fac e rud-eiginn. Bha siochaint ana-ghnàthach mar aon sgrath mharbhant ’na laidhe air uachdar mara is tìre. As coinneamh Uamh an Oir, bha aodann a’ gheodha cho socair, balbh ris an naoidhein an suain a cheud chadail. Cha b’ e idir ciuineachd a b’ ainm do’n bhailbhe so. Cha mhò na sin a b’e siochaint nàdurra a bh’ann, ach ’s ann a bu ghiorra e do’n chlosadh speur mhuirtidh ud a lionas le tosd na h-uaighe am feasgar foghair roimh bhras-leigeadh nam builg bàthaidh. Bha’n aon ghlumag mhuirtidh so a’ lionadh beul an fheasgair timchioll Creag-Mìle-Brat ionnan is mar a thachdas manadh na sìorrachd seomar-aire nam marbh; ionnan is mar a luchdaicheas beul an anmoich le mulad is ionndrainn nan gaoltach. O, eudail!—bha rud-eiginn an dàn; bha rud-eiginn gu tighinn air a chois. Air a’ bhlianaig ghuirm so a dh’ ainmich mi, bha aon chridhe beag neo-choireach a’ plosgairtich [TD 163] ’s a’ mireagraich le càil is ciall na h-òige. Ach stad an coinneineach beag a bha so de dh’ ionaltradh. Dh’ éirich e ’na chon-shuidhe agus choc e a chluasan ri claisneachd os cionn fuaim fais an fheoir. Bha rud-eiginn iongantach a siod! Bha fuaim an siod nach cual e riamh, a’ tighinn air o Rudha-na-h-Eitich—am fuaim ud a bha ri tighinn a réir an Dailgnich; an sith-cheol a chuir crith is gaoir troimh shiubhal gach freumh’-luis, agus a chuir gruag nan cnoc ’s nan sliabh an togail le draodhachd; seadh, le faireachduinn anabarrach, gun choimeas, gun ainm. Ach, cha robh an ceol ud saoghalta. O, cha robh, a ghràidh nan daoine, oir cha tug meoirean riamh roimhe am mach an ceol a bha siod; ceol a dh’ fhosgladh cluas nam bodhar, agus a dh’ fhuasgladh teanga nam balbh; ceol a cheangaileadh guth gach ciuil eile ’san domhain; mac-samhuilt do’n aon cheol ’s a thogas fhathast anam mhic a’ Ghàidheil air sgiathan bron-aoibhneis nan taibhs thar Bheanntan Gloine agus Ghleanntan Dòlais na beatha so gu ruige ceol-thìr na bith-bhuantachd siar, seachad, thall. Ach an robh so mar ionghnadh? An robh e idir cubhaidh do dh’ aon de piobairean Smearclait ceol a mheur a bhi a reir a mheur-ionnsachaidh? Cha robh. Nach iomadh uair a stob e am bior an cnoc an t-sithein an éirig a chiùil ud? Nach iomadh uair a chaith e fo gheasaibh duathara oid’-oilean nam pong ud mu’n d’ fhuair e leis blas na lùdaig? Fhreagair Creag-Mìle-Brat na briathran mar gu ’m b’ aithne dhi iad o thus an t-saoghail. Fhreagair i pong air a’ phong, ach cha [TD 164] robh e neonach. Cha b’e so a’ cheud uair a chual ise an guth. Cha b’e so a’ cheud uair a chunnaic ise buidheann agus buidheann a’ gabhail an aon cheuma so—a’ cromadh gu Uamh an Oir air lorg an aon sgeula. Nach iomadh uair eadar an comh-thràth agus dealachadh nan tràth a chunnaic i a cheart fheadhainn so féin, agus a chual i a’ cheart cheol? ’S iomadh uair a chuir na cnuic ud thall orra is dhiù an eideadh samhraidh o’n a chual i an tòiseach e. Ach riamh cha do fhreagair i e chuige so. ’S ann a’ so a sguir an smeorach d’ a h-iorram féin, agus, le meall tioma ’na h-uchd, sheas i air gèig os cionn a nead. Stad clacharan an fhraoich de throd ris an uan—a bha a’ beadradh ri aigne na h-ògalachd mu thuairmse a nead-san—agus chlos e a bheul is tiamhachd nach b’ eol dha a’ toirt ceo mu ’fhradharc. Thug an neochoireach beag eile a bheachd leis d’a uamha féin. Ma iochdar na creige thataidh am piobaire leis a’ bhuidheann ud a bha ’g a’ leanmhuinn gus na rainig iad a’ bhlianag bheag so os cionn na h-uamha. Agus co iad a bh’ ann? Bha iad ann fir agus mnathan. Bha iad ann sean agus òg. Bha iad ann feadhainn aig an robh deagh chuimhne air na diulnaich a chaidh air an aon turus so roimhe, ach nach do thìll—ochan! ochan!. Cha do thill iad, a ghràidh nan daoine, cha do thill, agus cha mhò na sin a thilleadh iad so, an diugh no am màireach, à Magh an Ioghnaidh ’s à Uamh an Oir! Sheas a’ chuideachd. Leig am piobaire a’ phiob bharr a ghualainn. Do bheachd an atharraich, [TD 165] cha robh bron cairdeach d’a ghnuis-san. Cha robh smal air a shùil ach ’s ann a bha i laiste le dearrsadh dochais, fiughair agus féin-earbsa. Bha spiorad do-chiosnaicht’ na h-òige a’ cur an céill d’ a chridhe na bha a mheanmna a’ cur an céill d’ a spiorad—“Théid agam air.” B’e so a choltas do chàch, ach aig ’anam féin a nis bha fhios air a chaochladh. Cha bhi èis an tobair gu’n traigh, ’s cha bhi fios a’ chraidh gu’n tig. Air chul guailne an iomal na cuideachd bha aon chridhe a bh’ air a dhuanadh seach cridhe sam bith eile siod, agus b’e an cridhe sin cridhe Moraig; aon nighean na banntraiche. ’S ann aice-se a mhàin a bha fhios. ’S ann rithe-se ’na h-aonar a bha ’n dàn truagh a’ cagraich fàisneachd a’ bhròin agus foragradh a’ mhulaid. Mulad? Cha ’n e. Cha ’n e no eadhon bròn cridhe, ach bròn is ro-thruime na’m bròn sin—bròn anma. Bha a beò fo arraban. Bha sugh a ceille agus a cridhe air a thaomadh, gach deur, an ceann nan stuagh borba nach naisgeadh taing ’na chomain; bha an t-subhailc ud is cubhraidhe, is doimhne, is àirde agus is do-labhairte a bhuineas do dh’ anam eug-samhuil nan gaol-bhan air a leon agus air a phronnadh fo shail iarnaidh, ain-iochdar, an Dain. Oir bha i a’ giulain an diomhaireachd a cuim gaol-falaich air a leon. O, nan robh fhios aige air a cridhe! Nan robh fhios aige—na’m faiceadh e le shùilean corporra an fhuirneis laiste ud! Nan tuigeadh e—! Ach, cò a théid an aghaidh an Dàin? O, cò a chaisgeadh coilionadh dearbh an Dailgnich? [TD 166] Thug an t-oigfhear a bha a’ giulain na pioba ceum gu taobh. Dhearc e gnùis a leannain. Bha cuan ’anma a’ teannadh ri luasgan, agus stuagh air muin stuaighe a’ greasad thar lear a chuimhne agus a’ bristeadh ’nan laomannan bàthaidh air a chridhe. Chunnaic e am Boinne-fala so a bha dha-san mar bha do’n t-seilein am boinne bho chridhe an ròis; ise féin a thàlaidh e bho lion nam mnatha-sithe le aon sealladh o a diuid-shùil; le aon snodha-gaire bho a bilean mànranach. Carson ma ta a bha esan an so an diugh a’ cur sgleo agus dubhar air aghaidh gréine a sholais? Aig an fhitheach dhubh a bha a’ dol dhachaidh a Mhaoldonaich a bha ’n fhreagairt. Aig a’ mhaighdinn-mhara air Sgeir Liobh-innis a bha ’n t-Eolas. Dh’ imich am piobaire far an robh an nighean, agus labhair e rithe am briathran nach robh ach tearc, ach gu dè seadh nam facal a bha siod cha’n eil fios aig anail bheo ach aig anail chùbach nam flathas a mhàin. Cha’n eil, ach ged nach eil féin is tric osag chabhagach a’ chomh-thrath ’g an luaidh an diùrais an cluais Creag-Mile-Brat. Agus mar sin ghabh esan a chead deth na bu chaomh leis, oir bha e fo gheasaibh an Dàin agus cha robh e ’na chead ach an Dàn a leantuinn. Chrom a dhithis chomhaltan roimhe gu beul na h-uamha agus a’ lasadh dà choinneil chèire an ainm Dhè agus Mhoire, dh’ inntrig iad Uamh an Oir. Aig ursann na h-uamha, dh’ altaich dalta an t-sithein piob nan sian air a ghualainn, agus gun sùil a thoirt air neach ’na dhéidh dh’ fhosgail e dorsan a’ chiuil eile ’s e ’bualadh roimhe air an Rathad [TD 167] Bhuan gu Ceann na Dìleann. A sealladh Moraig, dh’ imich a h-ulaidh, a dochas agus a h-aoibhneas—air a fàgail mar eun leòinte air sgeir uaignich ri oidhche am meadhoin cuain ana-mhóir a chaidh air diochain. Air osann nam maoth-thonn beaga dh’ iadh tuireadh nan eun-mara bho chasan Mhaoldònaich ga h-ionnsuigh. O mhullach cnuic thàinig mèadhal na caorach—na màthar—gu a cluais a’ giulain faireachduinn ionndrainn agus gaoil-chiurraidh air nach cuir sgil cainnte briathar gu bràth. Fada ’san Ear ri cearcall a’ chuain agus Oirthir Ghaidheal bha neoil chiara nan sion ’nam boiteinean cadalach ’s am bruadair mu bhròn. Ach èisd! Gu dé tha siod? Uamh an Oir! Uamh an Oir......! Có nach tuigeadh e? Có nach togadh na facail ud a bha nis ag éirigh mar gu’m b’ ann à beul gach geige fraoich am mach am bealach? Agus le sùilean laoimte lean a’ chuideachd ud fuaim a’ chiuil. Ceum air a’ cheum bha ’n ceol sith ’g an iul. Seachad air Beinn-a’-Cheathaich shiubhail iad, seachad air beanntan Heabhal, Haisteabhal, Scàla, agus Sgaorabhal—troimh bhealach uaigneach, agus gleann mointich gus an tàinig iad gu Loch an Duin a chuir bacadh air an ceum. Agus tha ise cuideachd an diugh gun chaochladh ach mar a bha i an uair ud—gu brath a cleith oirnn-ne Sgeul an Dàin. A Loch an Duin! A Loch an Duin nach fhada agus nach fann cagarsaich dhuathara do thonnag draodhach o chluais Creag-Mile-Brat! Aig taobh an loch sheas a’ chuideachd. Bha ’n ceol ag obair fhathast. [TD 168] ’S iomadh nìghneag òg fo bhreid-geal Théid a null, théid a null Mu’n ruig mise, mu’n tig mis’ A Uamh an Oir, Uamh an Oir. Agus b’ fhior siod, a ghràidh nan daoine, ach eisd! Fiolan fiadhaich a’ sior-fhiaradh Ann am ghluin, ann am ghluin. Mu’n ruig mise, mu’n tig mis’ A Uamh an Oir, Uamh an Oir. ’N taobh ’tha fodham a’ sior-lothadh, Daol am shùil, daol am shùil, Mu’n ruig mise mu’n tig mis’ A Uamh an Oir, Uamh an Oir. Ach a nis bha ’n ceol a’ dol a mugha gus ma dheireadh na theirig e. Seadh, theirig e mar a theirigeas an là an ceann na h-oidhche air neo an aisling an ceann an fhior-dùsgaidh. Thraoigh e mar a thraoigheas ceol pioba an eilthirich ’s an long a’ toirt na h-oidhche agus a’ chuain fo ceann. Bhàsaich e. Carson? Gu dé bu choireach? Gu dé ach gu’n do chuir an t-snidhe o ghrunnd an locha às na coinnlean, agus gu’n robh na h-ànrachdaich fo mheinn nam Fuath ’s nan ullabhiasd gun chomas dol no tilleadh—gun chomas gu bràth air fios a thoirt chugainn-ne air slighe nan càs, agus gun chrich am feasda ri dhol air an sgeul so. An oidhche ud féin chaidleadh mac an ròin ri bus Uamh an Oir, agus eadar a bhruadair aosda [TD 169] bheireadh e glòmadh air a shùilean cianail. Oir aige-san bha Fios nam Faidh o sheun aon latha agus cha b’ann, a ghràidh, fo Loch an Duin a bha dachaidh ’aisling an comunn na feadhnach a dh’ fhalbh. Cha b’ ann gu dearbh, ach fada, fada às a sin, seachad air Aird Ghrìnn, agus seachad air Tìr-fo-Thuinn, thall, fada thall an iomall Torra Domhainn ann an Tir-nan-Og. Spion Morag i féin air falbh o chàch a dh’ iarraidh cobhair agus furtachd d’ a spiorad. Bhrist i bharr an fhrith-rathaid mar gu’m b’ ann gun umhail gun uidhreachd c’àite an robh i a’ dol. Ach, bha naomh-uaigneas an aonaich ’g a’ cuireadh do theampull coisrigte a Màthar, far an fhaodadh i ruintean diomhair agus feudalach a cridhe a thaomadh an cluais na faighidinn, na carthannachd agus na tuigse. Bu trom an luchd a bha ’na cliabh, is i air tighinn am fradharc a’ chuain siar an deireadh an fheasgair ud. Shuidh i air cnocan os coinneamh an Tabh; dearbh choimeas na Siorrachd. Bha a’ ghrian air a dhol fodha ’s a’ chuan—air neo air chul a’ chuain féin—agus ás a déidh bha sealladh an làthair a bha gun teagamh airidh air Innis-nam-Flath. Bhuail sealladh Moraig am mach air leitir na h-aibheis so, agus ma bha a com-se gu dearbh ro-chumhann agus ro-theann ma cridhe dh’ fhairich i air son aon mhòmaid nach b’ ann mar sin a bha càradh gach cridhe eile a bha ’n glaic làimhe Righ nan Dùl. Cha b’ ann—ach ged nach b’ann féin saoil nach robh an cridhe aibheiseach so e féin fo mhulad an diugh? Saoil nach robh esan cuideachd fo ionndrainn? Oir bha a [TD 170] cheum a’ dol thairis—an null—gun fhios gun bhrath cionnas no c’ àite. Seadh, bha esan cuideachd air an Rathad Bhuan! Uamh an Oir! O, ach carson dò-bhron so a cridhe? Carson an ionndrainn? Nach robh fhios aice nach tilleadh e cho luath? Nach robh beachd aice air na facail a labhair e? Seadh—ach cuin an uair sin? Sguir Morag de’n cheasnachadh do nach d’ fhuair i freagairt ach monmhur bith-bhuan an Tabh. Agus a’ togail a sùla bharr Cill Bhrianain an cois nan stuagh fhuair i fa-dheoigh foirbhios a chuir sith agus siochaint air a h-anam. Oir bha thall a siod ’san iarmailt mu coinneamh beinn òir agus fo a bonn bha beul uamha. Bha ceann na beinne so crà-dhearg, an dreach. Agus có a bha siod a’ diuchdadh á beul na h-uamha agus le a phiob lainnireach air a ghualainn a’ dol deasal air a bheinn ud? Có a tha siod ’na seasamh air mullach a’ chnuic chrà-dheirg ’s a h-èideadh de liath nam flathas? ’Na h-asgaill tha Leanabh aig am bheil ball òir ’na Laimh. Tha ’n cnoc a’ gluasad agus ’g a’ sior-thogail suas. Air a cùlaobh tha dorus mòrail deth ’m bheil gàthan grian-gheal agus tha a làmh dheas-se a’ seoladh a’ phiobaire ga ionnsuigh! Chrom Morag a ceann—oir thuig i. “Failt ort a Ghrianain Oir! Beannaicheam dhuit a Dhoruis Fhlathanais!” Thog eoin an t-sleibhe na facail o a beul agus luaidh iad a’ leadan le fonn. D. M. N. C. [TD 171] Cuairt anns an Fhrith. Tha fadadh-cruaidh ’san àirde tuath, Is coltas gruamach air an t-sid; Ach fàir a nuas mo bhreacan guaill’, Is bheir mi chuairt so anns an fhrìth. —AM FEAR-CIUIL. CHA mhór Ghàidheal nach ’eil eolach air na féidh. Gu dearbh is e a dh’ fhaodas a’ mhor-chuid dhiubh a ràdh air an latha ’n diugh gur ann a tha iad tuilleadh ’sa chòir eolach orra. Ach, cha ’n ann air ceistean conspaideach de ’n t-seorsa sin air am bheil mi a’ sgrìobhadh aig an àm, agus, mu’n téid mi na’s fhaide air m’ adhart, innseam gu’m bheil mi a’ fagail nan nithean sin dhaibhsan aig am bheil a’ chàil a chum an cnuasachd. Is e a tha ’nam bheachd an drasda gearr-iomra a dhèanamh air fàs, gnàthan, agus sealg an fhéidh. ’Na àite dligheach féin nach seòcail e! Cho fada air ais agus a gheibh sinn ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, agus na h-Alba, tha iomradh againn air mhodh air choireiginn air sealg agus sithionn an fhéidh. Bha còir dhligheach aig an rìgh air na h-uile creutair dhiubh, agus dhasan agus d’a mhaithean bha’n fhiadhach air a dion gu dealasach. Cha bhiodh bòrd a’ chaisteil, aig ràithe àraidh, cuirnichte mur biodh ceathramh féidh aig a cheann. An uair a rachadh cuachan a [TD 172] lionadh, is a shocraicheadh na laoich gu comhradh, b’ann air luathas a’ choin sheanga ’sa bheinn sheilge a bhiodh an aire ’s an sgeul. An déidh na thubhairt Donnachadh Bàn mu’n “eilid bheag, bhinneach, bu ghuiniche sraonadh,” agus “damh a’ chinn allaidh bu gheal-cheireach feaman, gu cabarach, ceannard, a b’fharumach raoiceadh,” bhiodh e dàna dhomh-sa, no do neach eile, an cùspair so a chur fa chomhair sluaigh ach ann an dreach tur eadar-dhealaichte. Ma tha thusa, a leughadair, gu socrach ann an cathair da-làimhe; do chasan seasgair air leac an teintein, agus na cabair bheithe a’ spraigheadh gu farumach fo phoit a’ bhrochain, thig leamsa ann an smuain, gus an cuir a’ phoit thairis mu do luirgnean, agus bheir sinn cuairt do’n Bheinn Bhreac. An sin, chi sinn mac an fhéidh ’na rioghachd féin. A’ fagail taobh na tràghad, agus a’ cumail ri srath na h-aibhne gu fàsach a’ ghlinne, agus le sùil an fhir-thuruis, a tha mar shùil seabhaig, chì sinn air gach taobh dhinn, dùthaich nach do dhearrs a’ ghrian riamh air na’s maisiche. Cluaintean boidheach, gorma, air an uisgeachadh le sruthain do-àireamh bho mhullach nam beann; raointean móra, farsuing, air an sgeadachadh le trusgan ioma dathach ro thaitneach do’n t-sùil; fraoch cro-dhearg, badanach; rainich uaine anns an dual do’n eilid a bhi a’ dèanamh leapa, agus an roid, bho am bheil faile cubhraidh air a ghiulan gu ar cuineinibh le fann ghaoth an fhàsaich. Ann a leithid so de dhùthaich, far am milse an t-ionaltradh, gheibh sinn na féidh. [TD 173] Anns an Og-mhios, tha na laoigh air am breith, agus is boidheach iad le am bian ballach. Tha am màthair a’ roghnachadh grunnd àrd, tioram, agus leaba fhraoich. Mu’n gabh an laogh a chasan bidh i ’ga fhagail ’na luidhe le shròin a sios ri earball am feadh agus a tha i ag ionaltradh goirid bhuaithe, ach tha a sùil geur gu faicinn, agus a cluas biorach gu claisteachd, ’s cha’n ’eil eagal gu’n tig nàmhaid gun fhios orra. Tha Nàdur a’ buileachadh tuigse agus comasan air ainmhidh cho math ri duine, agus tha dearbhadh againn gu bheil an t-agh aig an àm so de’n bhliadhna na’s misneachaile agus na’s curanta na aig àm air bith eile. Cha’n e mhàin gu bheil aice ri a h-àl a dhion bho’n fheithid agus bho choin, ach bho fhear na cròice féin. Tha a’ ghnè uilc sin, am miann cur as do’n àlach òg, ann an aorabh móran de na fiadh-bheathaichean nach ’eil a’ paidhreachadh aig àm sònraichte. Tha e air innseadh dhuinn, agus air a dhearbhadh, cuideachd, ma thig neach air laogh òg, mu’n teann e air a mhàthair a leantuinn, gur furasda a thàladh dhachaidh. Is tric a dh’ fheumas ciobairean teicheadh am falach orra mu’n lean iad gu baile iad. Bidh laogh ri taobh gach aighe dhiubh, ’Nan luidhe mar is còir dhoibh; Bidh gach damh is mang co-aighearach, ’Nuair thig Féill Leathain reòt’ orra. Leanaidh an laogh an cuideachd na màthar gus am bi e mu thri bliadhna a dh’ aois. Is tric a chunnaic mi na tri aoisean an cuideachd na h-aighe. [TD 174] Tha iadsan a bheachdaich air gnàthan nam fiadh ag innseadh nach diobair a h-àlach agh féidh cho fad agus is beò i. Tha treudan ghinealach dhaimheil dhiubh ri fhaicinn ann an glinn ’san coireachan na Gàidhealtachd, le seann damh mór-chuiseach a’ coimhead thairis orra. Is esan, “Righ a’ Ghlinne.” Aig bliadhna dh’ aois, tha stobain bheag adhaircean a’ fas air na daimh, agus bho bhliadhna gu bliadhna tha na h-adhaircean a’ fàs na’s truime, agus barrachd mheòir a’ fas orra. Aig seachd bliadhna dh’ aois, tha an damh aig làn a chinneis. Tha daoine a’ creidsinn gu faigh na féidh aois mhóir. Tha againn an sean-fhacal anns an rann so, agus có a dhearbhas dhuinn a chaochladh? Tri aois coin, aois eich, Tri aois eich, aois duine, Tri aois duine, aois féidh, Tri aois féidh, aois fior-eun, Tri aois fior-eun, aois craoibh dharaich. Anns a’ bhliadhna 1826, mharbh Gleanna Garaidh fiadh ann an coille Thòir na Cairidh, agus air faicinn comhara air a chluais chlì aige dh’fhoighneachd e de’n cheud ghille a thàinig air adhart ciod e an comharra bha sud. “Tha sin,” ars esan an déidh sealltuinn air, “comharra Eoghainn Mhic Iain Oig.” Thug coignear eile an dearbh fhuasgladh air a’ cheist. Bha Eoghann Mac Iain Oig marbh ciad gu leth bliadhna roimhe sud, agus fad deich bliadhna fichead roimh a bhàs bha e a’ cur a’ chomharra sud air gach laogh a ghlacadh e. Ma bha an comharra [TD 175] so ceart, bha am fiadh, air a’ chuid a bu lugha, ciad gu leth bliadhna dh’ aois, agus is docha naoi fichead. Cha robh na h-adhaircean a bha air mór, ach bha an ceann farsuing. Faodaidh gu bheil an ceann sin aig Gleanna-Garaidh gus an latha diugh. Tha cunntas eile air damh mór a’ Mhonaidh Liath a bha, a réir sheann daoine na dùthcha sin, da chiad bliadhna dh’aois. Anns a’ bhliadhna 1777 bha fear, Aonghas Dòmhnullach, a fhuair an dlùths urchair do’n damh mhór so, agus a leag e; ach ma leag, dh’ éirich e rithis, agus thug e a chasan leis. Deich bliadhna an déidh so, chuala Iain, brathair Aonghais, gu’n robh an damh mór ri fhaicinn a rithis, agus dh’ fhalbh e air a thòir, agus an déidh là iomlan a thoirt ag ealadh air, thug e ri leathad e. Fhuair e am peilear, a chuir Aonghas a bhrathair ann ’s an t-slinnein chlì mu oirleach fo’n chraicionn. Cha’n ’eil móran dearbhaidh a bharrachd air sin mu fhad-shaoghaltas nam fiadh, ach nach leor e a dh’ fhirinneachadh an t-sean-fhacail! Gur àluinn sgèimh an damh dhuinn, ’Theàrnas o shireadh nam beann; Mac na h-eilde ris an t-sonn, Nach do chrom le spìd a cheann. Tha e ’na nì glé iongantach le móran mar a tha na daimh a’ tilgeil nan adhaircean a h-uile bliadhna. Tha luchd foghluim ag innseadh dhuinn nach ’eil anns na h-adhaircean so ach làine a thuilleadh na còrrach de bheathachadh a’ chuirp nach fhaigheadh dòigh eile air taosgadh, agus nach robh feumail a [TD 176] chumail suas na coluinn. Tha na seann daimh a’ caitheamh nan adhaircean an deireadh an Earraich, agus bho sin gu toiseach an Og-mhios, a réir an culaidh. Cha tilg na bliadhnaich na h-adhaircean gu toiseach an fhogharaidh. Cha d’fhuaireadh riamh na h-uile h-adharc a thuit anns a’ mhonadh, oir tha cuid de na féidh ’gan tiodhlacadh anns na puill mhòna, ’gam breabadh fodha le an casan. Fhuaireadh so a mach le cladhach a’ phuill an déidh am fiadh a ruagadh air falbh. Tha iad cuideachd ro-dhéidheil air cagnadh nan adhaircean, agus is ainmig a gheibhear adharc dà-bhliadhnaich idir. Tha peirceall nam fiadh làidir gu leòr a bhriseadh nan adhaircean beaga. Deich làithean an déidh nan adhaircean a chaitheamh, tha feadhainn eile a’ fas ’nan aite, agus aig ceann thri miosan tha iad aig am meudachd; ach tha iad fathast maoth agus comhdaichte le craicionn liath-ghorm ris an abair iad a’ bheilbheid. Am feadh agus a tha a’ chròic maoth mar so, cha téid iad roimh choille no àite sam bith far am faodadh iad am bualadh, oir, mar is furasda thuigsinn bhiodh e glé phianail tighinn air amladh sam bith, agus na h-adhaircean aca cho maoth ri ubh gun phlaosg. Ann an uine glé ghoirid glanaidh iad, agus am beagan uine tha iad dorcha le bàrr nam meur geal, agus cho cruaidh ri iarunn. Their iad rioghail riu an uair a tha da-mheur-dheug orra, agus tri air a’ bhàrr ris an abair iad an copan. Tha na meòir so air an suidheachadh ann a leithid a dhòigh agus gu’n suidheadh cuach no copan anns a’ ghobhlan. Mar is trice, tha an copan air damh le deich meòir [TD 177] mar an ceudna. Cha bhi iad “rioghail” na h-uile bliadhna, agus cha mhotha bhios iad sin aig aois no aimsir shònraichte, agus is lìonmhor iad air nach fàs barrachd na sé ’s a h-ochd de mheòir ri’m beo. Mar shoillearachadh air an so, innsidh mi mu dhamh a b’aithne dhomh féin, agus ris an abramaid “Damh Mór a’ Gheata.” Bha eolas aig mo sheanair air an damh so deich bliadhna, oir na h-uile bliadhna an déidh na damhair thigeadh e a gheamhrachadh leis a’ chrodh mu’n bhaile. A’ cheud bhliadhna a bheachdaicheadh air bha naoi meòir air, agus an ath bhliadhna bha a dhà-dheug air. Ceithear bliadhna an déidh a chéile, bha ceithear-meòir-dheug air. An déidh sin bha e gach bliadhna a’ dol air ais am maise, agus an uair a mharbhadh e, an ceann nan deich bliadhna, cha robh air ach na deich meòir, agus is gann gu’n robh fiacail ’na pheirceall. Ma’s math mo chuimhne, bha ceithear puinnd de chudthrom anns gach té dhiubh an uair a bha na ceithear-meòir-dheug orra, agus bha na ceithear paidhrichean aig uachdran na frithe ’na chaisteal. Cha robh fada againn ri dhol air tòir nan adhaircean, oir thilgeadh an Damh Mór dheth iad an àite sam bith eadar Cnoc-na-Luadh is Cnoc-an-Doire-Dharaich. Ni na forsairean, aig am bheil an toil, deadh chosnadh air an tional ’san Earrach, agus gheibh iad seachd ’sa h-ochd sgillinn orra bho na marsantan Gallda. A mheud agus a tha siubhal monaidh gu tric, mar a tha ciobairean agus forsairean, aithneachaidh iad air aileachd na lurga co-dhiu is damh no agh a chaidh thar a’ ghruinnd rompa. Tha crodhain an daimh na’s cruinne na crodhain an aighe, agus a [TD 178] bhàrr air sin tha a cheum cho cothromach agus gu’n leag e chas dheiridh ann an làrach na tè thoisich. Tha so fìor a thaobh nan damh a tha os cionn seachd bliadhna dh’aois. Tha ceum na h-aighe na’s giorra, agus na’s neo-chothromaiche. Bheir mi a nis iomradh air an Dàmhair, bho’n a dh’ uidheamaich sinn an damh donn le cròicean ùra. Is e so an t-àm anns am bheil na daimh aig àird an treise; an t-àm sam bheil an t-seilg a’ toiseachadh, agus an t-àm anns am furachaile fear na croice! Théid iad do’n dàmhair anns na frithean air tir-mor agus na h-eileanan mu dheas aig toiseach dara mios an fhogharaidh. Anns na h-Earadh, agus àitean fuara gun fhasgadh geamhraidh, bidh iad mios air deireadh. Fàgaidh na daimh cuideachd a chéile, agus théid iad gu ruig an fhiadhach féin. Tha e dearbhta gu leor so. Biodh e far an togair e an còrr de’n bhliadhna, ach gheibhear e ’na choire is ’na àite féin ’san dàmhair. Toiseachaidh iad air an aorgan féin anns na puill mhòna a tha cho lìonmhor anns na monaidhean Gàidhealach. Ataidh am muinealan cho garbh ri’n coluinn, agus cha tàmh dhaibh a là no dh’ oidhche. Cluinnear an sin a’ bhuireadh ’s an langanaich, a’ toirt mactalla ás na creagan, agus a chuireas crith air a’ ghealtaire a tha cho mi-shealbhach ’s gur éiginn dha am monadh a shiubhal aig an àm shonraichte so! Cruinneachaidh iad na h-aighean ’nam buidheann dhaibh féin mar gu’n cruinneachadh an ciobair treud chaorach le chù. Is ann an uair a dh’ fheuchas fear eile tighinn g’an toirt bhuaith a chì sinn a’ chomhrag mar a dhealbhadh i cho eireachdail agus [TD 179] cho riochdail le Landseer. An déidh dùbhlan a thoirt dha chéile le langanaich, thig am fear fuadain bho thaobh eile a’ ghlinne; uair a’ ruith, agus uair eile le ceum staiteil, mar gu’m biodh e a’ tomhas a’ ghruinnd. Ma thachras tom seilich air, bheir e greis, mar gu’m b’ann a’ geurachadh nan lann, ’ga fhior chasadh le adhaircean. Is tric a chunnaic mi na slatan seilich air an casadh mar iris cléibh. Buailidh iad air a chéile mar dhà reithe, a’ toirt a leithid de sgailc is gu’n cluinnte an fhuaim astar air falbh. Seasaidh na h-aighean, mar mhaighdeanan na Gréige, le sùilean miadhail, ealamh a thoirt an gaol do’n bhuadhach! Cha mhair a’ chomhrag fada, agus còmhlan eilid ’san amharc. Am fear a chailleas, bheir e leum bho chabair biorach an fhir eile, agus cuiridh e cuairt air an treud, ’s e cho cruaidh leis am fagail. Cha’n ’eil sin dhàsan mar a chuid féin; tha am fear buadhach air a lorg, agus le sathadh guineach anns na cruachain aige cuiridh e an ruaig buileach air. Is ann a tha chomhrag cheart agus mhaireannach ann an uair a thachras iad agus gun an eilid ghaolach ’gam freiceadan. Cha choimeas dhaibh an uair sin ach da choileach air dùnan. An déidh sadadh air a chéile greis gabhaidh iad anail, fathast air an dà ghlùn a’ sior choimhead air a chéile. Eirigh iad is théid iad an cròicean a chéile a rithis. Tha còmhrag de’n t-seorsa so a’ criochnachadh leis an dara fear a bhi air a leon, neo air a chur gu bàs buileach, mur géill e am feadh ’s a tha de lùths ’na speirean na bheir ri bruthach no ri leathad e. Ann a h-aon de fhrithean an Diuc Ghordoin, móran [TD 180] bhliadhnachan air ais, bha dà dhamh a ghleac mar so, agus ghlais iad an adhaircean a chéile air dhòigh is nach b’urrainn iad dealachadh. An uair a thàinig am forsair mu’n cuairt bha fear dhiubh marbh, agus chuir e crioch onorach air an fhear eile. Gheibh sinn cunntas an drasda ’sa rithis air daoine ’call am beatha le bhi tighinn ro-dhàn orra aig an àm air am bheil mi ag iomradh, ach cha’n ’eil an sin ach feadhainn chàllda. Is ann fior ainmig a bheir fiadh na beinne ionnsuigh mharbhtach air duine, ged a thachair e uair no dhà. Bho cheann beagan bhliadhnachan air ais bha damh mór, dalma, mu’n rathad mhór anns an eilean ’sam b’abhaist dhomh féin an samhradh a chur seachad, agus gu dearbh an àm an fhogharaidh cha robh móran ciataiche agam dheth! Cha rachadh e mu dheireadh ceum bhàrr an rathaid airson duine no beathach. Thug e droch ionnsuigh air aon de na ciobairean feasgar a bha sud, agus air ball thàinig a bhinn a mach, agus fhuair e, na thoill e, am bàs. Chaidh innseadh dhomh an déidh làimh gu’n robh a’ Bhan Sgoilear a’ cumail aghaidh na làimhe ris g’a chuideachadh roimh chaoile ’n Earraich, agus gu dearbh bha e toileach cuideiginn a phàigheadh! Am feadh agus a mhaireas an dàmhair tha e na’s glice cumail bhuatha, oir tha na brùidean cho mór air bhoil le droch nàdur, bualadh puill is bùirich, is nach aithnich iad eadar mac an fhéidh is mac an duine. Mairidh an dàmhair mu shè seachdainean agus an déidh sin cruinneachaidh iad ’nam buidheannaibh, is thig iad na’s faisge air fearann àitich, cuid a thig a stigh air na h-achaidhean ag ionaltradh [TD 181] leis a’ chrodh. Chunnaic mi ’sa gharadh chàil féin iad! Cha’n ’eil an cor aig an àm so ach glé bhochd, ciod e le sabaid is bùirich agus an suidheachadh an-shocrach anns am bheil iad ré an damhair, gun mhóran itheadh ach cointeach bhàn a gheibh iad air mullach nan cnoc, cha dùth móran saill a bhi orra. Cha bhiodh móran brìgh no blas air an t-sithionn aca ged a dh’fhaodadh neach cothrom a ghabhail, aig marbh na h-oidhche, air teachdaire obann a chur mu’n tuaiream bho thè na spéid féin! Leis a bheagan iomradh sin air gnàthan neònach nam fiadh tionndaidh sinn a nis ar n-aire air an t-seilg, a chionn gur i gu mór is taitniche. Na h-uile bliadhna tha na ciadan a’ taomadh a nios oirnn á Sasunn, agus a’ cur na dùthcha fòpa féin car greis. Aig an àm so, tha mu thri muillion acair fearainn fo fhéidh a mhàin ann an Albainn. Mu’n téid sinn ri monadh, bu mhaith leam beagan a ràdh mu dheidhinn nan con fhiadh a b’abhaist a bhi ’nar dùthaich, agus an dòigh sheilg a chleachd ar sinnsearan mu’n d’fhuaireas eolas air innleachd cho basmhor, agus cho beag spòrs ’na cois, ris a’ ghunna. B’ann aig Cloinn Mhic Néill Cholosa a bha na coin fhiadh a b’fheàrr an Albainn ann am bliadhnachan deireanach na seòrsa seilg sin. Bha ceithear de na coin so gu sònraichte ro-ainmeil anns an rioghachd ’nan làtha—Bran, Buscar, Runa, agus Cabhag. Bha Buscar na bu luaithe agus na bu tréine na eadhon an triùir eile, agus faodar a ràdh gu’n robh e freagairt an roinn a th’ againn air mar a thaghadh Fionn a chu. [TD 182] Sùil mar airneag, cluas mar dhuilleag, Uchd mar ghearran, speir mar chorran, Meadh’ leathann an cliabh leabhar, ’S an t-alt cùil fad bho’n cheann. Bha fionnadh mìn, fada, buidhe air Buscar, agus b’e so a mheudachd:—airde aig an t-slinnein, ochd òirlich fhichead; dòmhlad a bhroillich, dà-oirleach-dheug-thar-fhichead; a chudthrom, coig-agus-ceithear-fichead punnd. Is e so a nis meudachd féidh a bha aig a chinneas agus an culaidh mhaith:—airde aig an t-slinnein, tri troidhean ach tri-cheathramh an oirlich; dòmhlad a bhroillich, ceithear agus tri-cheathramh an òirlich; airde bho mhullach cinn gus a’ chas thoisich, coig troidhean gu leth; fad adhairc, dà throidh gu leth; bho bhàrr na h-adhairc gu ruig an grunnd, seachd troidhean agus deich òirlich; a chudthrom, tri chiad punnd ’s a h-ochd. An uair a bheachdaicheas sinn air na toimhsean sin agus a shamhlaicheas sinn ri chéile an cù agus am fiadh, nach ann is iongantach gu’n tugadh an cù gu talamh am feasd e. Leumaidh am fiadh air a h-uile sinteag, fichead troidh, agus leumaidh am miol-chu troidh thar fhichead. Ann an astar fada is mór am buidhinn sin do’n chù. Bheir mi nis iomradh air sealgach ann an Diura le Bran agus Buscar. Air feasgar bòidheach dh’ fhàg MacNéill Colosa le cuideachd uaislean agus ghillean tapaidh, le Fionnladh Forsair air an ceann. Chuir iad seachad an oidhche gu socrach ann an uaimh air taobh an iar an eilein. Tha an seanachaidh ag innseadh dhuinn gu’n do dhùisg Donnachadh [TD 183] Piobaire moch air mhaduinn iad, agus gu’n do dheasaicheadh lòn dhaibh air leana luim. Thog iad an sin ri beinn, Fionnladh a’ seòladh an rathaid mar a bu mhaith a b’aithne dha. Ann am prioba na sùla, bha e air a mhagan. Thug e gu leor do’n chuideachd am fiadh a chunnaic Fionnladh le shùilean fhaicinn le an gloinneachan! Bha e mu mhìle bhuatha, agus thill iad beagan air ais, ’s an sin choisich iad mar a b’ fheàrr a b’urrainn iad ann an grunnd sruthain, agus thairis air sgarnaich chreagan. Ma’s fior an sgeula, thug Fionnladh dheth am falt cho lom ri ’sgailc, air eagal gu’m brathadh a chirein mullaich e! Threòraich e iad mu thri fichead slat do’n fhiadh, agus cha mhór nach do bhrist Buscar bhàrr a lothain mu’n robh iad ann an uidheam cheart. Dh’ éirich iad, is thug a’ chuideachd iollach faghaid, leig iad ás na coin, thoisich an réis. Thog am fiadh ris a’ bheinn, ach chunnaic e gu’m b’e luaths nan cas a thearnadh e, agus shin e ás ri sliabh na beinne. (Cha ruith fiadh ro luath aona chuid a’ direadh no ’tearnadh, agus mar sin bhiodh luchd na faghaid a’ strith ri ’ghluasad air na mullaichean). Thill am fear so air ais, a’ tearnadh na bu chaise na dhirich e, gus mu dheireadh an d’ fhuair se e féin air bruaich creige, mu cheithear-troidhean-deug air àirde, agus sgarnach chlach ag éirigh bho bhonn. Sheas e mionaid, ach cha robh e fada an ioma-chomhairle an uair a leum e, is thàinig e gu talamh air a dhà chois dheiridh, agus ann an tiota bha e ri astar a rithis. Leum Buscar gu cruinn cothromach air a cheithear chasan, ach chuir Bran car a’ mhuiltein dheth. Cha robh a’ chuideachd [TD 184] aig an àm so ach mu chiad slat bhuatha, agus bha iad ann an imcheist chruaidh gu’n éireadh gu h-olc do’n fhaidh agus do na coin ann a leithid de shuidheachadh cunnartach. Ràinig an fhaghaid a nis sliabh creagach, am fiadh cho lughor ’sa bha e riamh ’s na coin a’ tuiteam thall ’sa bhos. Bha sealladh maith orra fad leth-mhile, ach chaidh iad á sealladh agus b’éiginn direadh na b’ àirde g’am faotuinn am fradharc a rithis. Bha an fhaghaid a nis air talamh comhnard, agus na coin a’ dluthachadh air a h-uile sinteag. Bha Bran air thoiseach air Buscar, agus ann an sinteag no dhà rug e air shliasaid air an fhiadh. Chuir so moille air, agus cha b’fhada gus an robh Buscar ’na sgòrnan. Ged a bha a nis an dà chù an sas ann rinn e an slaodadh ri leathad le luaths anabarrach, agus uair no dhà thilg e bhuaith Bran, ach cha do lasaich Buscar a ghreim. Thug iad mu dheireadh gu talamh e, is ged a dh’ fheuch e ri éirigh cha d’ fhuair e tuilleadh air a chasan. An uair a rainig a’ chuideachd bha am fear cròiceach marbh, a dhà ghlùn á alt, a sgòrnan air a reubadh ’s a chliathaich air a stròiceadh. Cha b’urrainnear a thuigsinn ciamar a chaidh a chur á alt, mur an ann a’ strìth ri éirigh, oir bha an grunnd far an do thuit e réidh, còmhnard. Bha Buscar air toirt thairis le sgios, air chrith eadar cheann is chasan, ach dh’ éirich e an uair a thàinig a’ chuideachd air an aghaidh. Bha e ’dol mu’n cuairt a’ chairbh ri gruanail fheargach ’s gun e toileach iad a thighinn a chòir an fhéidh. Cha robh fiù sgròbadh air, ach cha b’e sin e do Bhran bochd. Bha uidhir òirlich á aodann na lurga aige a bha a’ nochdadh [TD 185] a’ chnaimh, agus bun de fhraoch loisgte roimh na chas aige. Bha am fiadh seachd-clacha-deug air chudthrom, agus ghiulain na gillean sgairteil e mu dhà mhìle a dh’ ionnsuigh na h-uamha. An sin ghabh iad an t-aiseag air ais do Cholosa, làn riaraichte leis an fhaghaid agus treuntas nan con. Cha’n ’eil an sin ach aon de ghniomhan treuna Bhuscair, a mharbh agh ’na làn mheudachd leis féin mu’n robh e bliadhna dh’aois. Is e seilg a bha sin, agus cha’n e an seòrsa muirt a tha móran a’ deanamh an diugh. Cha b’ioghnadh an t-seana bhàrd a ràdh mu fhaghaid an fhéidh. A! ceum an t-sealgair ri mo chluais, Le srann a ghath ’sa chon feadh sléibh; ’N sin dearsaidh an oig air mo ghruaidh ’Nuair dh’ éireas toirm air sealg an fhéidh. Bheir mi a nis an leughadair a mach ri monadh leis a’ ghunna ghlaic, agus mur ’eil mi meallta bheir sinn dhachaidh fear cabarach. An uair dh’ fhàgadh fear na seilge A thalla féin gu mìn moch-thràthach, Air maduinn fhogharaidh, Le adharc-fhùdair agus le chrios-luaidh; Le ghunna dùbailt air a ghuallain. Agus le a ghadhair balla-bhreac, A dhol a shealg nan uchd-bheanna, Bhiodh an asail luchdaichte Mu’n tigeadh an t-anmoch. [TD 186] Tha a nis anns a’ Ghàidhealtachd am pailteas de rathaidean móra matha, agus gur ann a chì sinn na sealgairean a’ tarruing a mach ’s a mhaduinn ann an carbad-olla! Nach ann air an t-saoghal a thàinig! A’ chuid aig nach ’eil ach na h-eich, fàgaidh siad iad air cùram a’ ghille-chois-fhliuch taobh an rathaid, agus diridh iad a mach ri guala na beinne agus a suas gu a mullach, ma tha an latha soillear. Taghaidh iad àite falaich fasgach bho am faic iad troimh an gloinneachan sealladh air gach coire, gleann, srath is uchdan. Fada thall am braighe ’choire faicear buaile bheag fhiadh. Tha iad fathast ro fhad ás a dhèanamh cinnteach an fhiach am fear cabarach ud dol air a thòir. Is i nis a’ cheist chudthromach, “ciamar a tha a’ ghaoth a’ seideadh an taobh air am bheil an treud?” Is ioma àirde as an tig oiteag ghaoithe anns na coireachan domhain ud. Feumaidh an sealgair a bhi gu mór air fhaicill gu’m bi e daonnan air taobh leis na gaoithe. Miltean air astar, aig an àm shònraichte so de’n bhliadhna, gheibh iad am fàileadh, is cha’n e sin uile e; tha a h-aon de na seann aighean a’ seasamh air leth ri freiceadan am feadh ’sa tha Righ-na-Frithe ag ionaltradh no a’ cnamh a chìre ’na luidhe ’san luachair. Tearnaidh na sealgairean a nis bho na mullaichean, a’ cumail á sealladh nam fiadh. Ni iad cabhaig a dh’ fhaotuinn gu guala a’ chnocain ud thall a dh’ fhiosrachadh am bheil luach saothrach am measg an treud. Tha sin ann gun teagamh. Fear mór le dhà-mheur-dheug ’s le chopan, agus cheana thàinig a bhinn a mach! Thog an sealladh so am misneach, agus fiabhrus [TD 187] na faghaid. Ged a bhiodh a’ ghrian a’ cromadh mu’n ruig iad an stùchd ud thall mu’n coinneamh cha nochd iad cìrein dha. Snàgaidh iad air am màgan feadh lòintean tubhaidh is luachair; uairibh air am bronn ’san ceann-aodach ’nam pòca air eagal gu’m brathair iad. A null troimh an abhainn is ciod e ged a bhios iad gus na cruachain innte, cha chuir fuachd no fluichead orra! Leagaidh iad an anail air a’ bhruaich thall fo dhubhar nan craobhan fearna. Théid an còrn mu’n cuairt, ach facal cha chanar, fiu—Sud ort! Cha’n ’eil móran folaich eadar an cnocan so agus an stùchd ud thall ach dìg chaorach. Feumar faighinn a null, agus air am màgan na seòid a rithis. Tha na forsairean cho eolach anns a’ mhonadh agus ionnas ged a robh an sùilean dùinte innsidh iad duit a’ cheart àite ’sam bheil an damh ’na luidhe, ged a dh’ fhaodas fear a’ ghunna a bhi de mhùthadh beachd. Fhuair iad a nis tearuinte, ach eabailte, a dh’ ionnsuigh an tomain fhraoich a bha fad an latha ’san amharc aca, am measg sgàrnach de chreagan glasa. Tha iad a nis mu chiad gu leth slat bho’n damh mhór, agus tha an t-astar aig an fhorsair cho cinnteach ’s ged a thomhaiseadh e h-uile ceum dheth. Is i mhoille nis tha an damh ’na luidhe, agus is docha nach togair e éirigh gu feasgar, agus có an sealgair a loisgeadh air fiadh ’na luidhe? Cha’n fhaigheadh e leis e ged a bhiodh a thoil aige! Bheirear Nic Coiseam air lom, agus feuchaidh e ri suidheachadh air an torrag laimh ris, dh’ fheuch ciamar a luidheas i ri ghualainn. Cha’n ’eil a choltas air an fhear chròiceach gu’n éirich e an drasda, [TD 188] agus tha nis a dhubh nàmhaid air socrachadh am feith ’san anail, is tha e ’na urchair dhearbhte. Air eagal an anmoich, is iad fada bho’n bhaile, ni am forsair fead fhann, no nochdaidh e ’churrac do’n fhreiceadan, agus air ball tha iad uile air am bonn! Cha teich iad gus am bheil iad cinnteach có an taobh air am bheil an cunnart, agus anns an ioma-chomhairle sin tha tè na spéid ri sùil an t-sealgair, agus tha sud mu thuaiream an daimh dhuinn. Dh’ fheuch e ri càch a leanachd, ach cha deach e fada an uair a thuit e. Ruithidh iad a nis le chéile air a lorg, ach ’san earalas gu’n éirich e cha téid iad ro-fhaisg air. Bha an leòn so chum bàis, is thugadh air lom an sgian is tha nis fhuil uaibhreach, chraobhach, ’na steall mu’n fhraoch. Bheir iad tacan a’ coimhead a’ chinn luraich, a’ seasamh greis bhuaith, ma’s fior a ghabhail beachd is feàrr; uair eile a’ laimhseachadh nan cròicean gu cùramach—moit mhóir orra le chéile! Bheirear a nis a’ ghreallaich ás, agus an uair a thig an gille monaidh le a ghearran Uibhisteach—rud a ni e an uair a chluinneas e an urchair—théid am fiadh a thogail ’san diollaid, agus gabhar dhachaidh leis. Ged a thug mi an t-seilg so gu crìch riaraichte agus bhuannachdail, cha soirbhich leo cho maith a h-uile làtha. Is dòcha fad an la-sholuis a thoirt ag ealadh air damh donn, agus nach fhaighear an dlùths urchair dha. Iomadh uair a leònar fear, agus, a réir riaghailtean nam frithean a tha air an suidheachadh bho bhliadhna gu bliadhna, cha’n fhaodar losgadh air fear eile gus am faighear am fear leònta. Tha móran a nis air coin chaorach a [TD 189] chleachdadh ris an t-seilg, agus an uair a leònar fear leanaidh an cù air a shàil, agus mur a beir e air cumaidh e, co-dhiu, sealladh air. Siubhlaidh fiadh leòinte, air uairibh, astar mór. Ma tha na coin a’ dluthachadh air, ’s e fannachadh le call falla, théid e gu dìon air choir-eiginn. Storrag chreige am bun easa àite is ionmhuinn leis, far am bheil dìon nàdurra aige bho chulthaobh, agus tha e earbsach á chabair a chumail a namhaid bho sgòrnan. Ann an suidheachadh mar so, bheir e dùbhlan do na madaidh a dh’ aindeoin ioma spàirn chruaidh a ruigheachd a bhroillich. Is ioma cù fuileachdach, sgairteil, a fhuair guin a bhàis ann an gleachd de’n t-seorsa so bho chabair mhic an fhéidh. Mar mhìneachadh air annas agus neonachas nam fiadh tha an sgeula bheag so ro-fhreagarach. (Thug mi iomradh cheana air mar a ni iad cinnteach có an taobh bho am bheil an cunnart a’ tighinn mu’n teich iad). Chuireadh forsair àraidh a mach airson sìthne, agus an déidh moran dragha fhuair e mu thri chiad slat do agh a bha a shùil gheur ag innseadh dha a bhiodh ro-shoghar air bòrd a mhaighsteir. Bha i ’na luidhe a’ cnamh a cìre gu socrach, agus cha robh ’na chomas faighinn na b’ fhaisg oirre gun a gluasad, agus b’ éiginn dha fuireach mar a bha e fad thri uairean. Smaoinich a gu’n tàirngeadh e h-aire air doigh air choir-eiginn, agus bhuail e a bhas air a’ ghrunnd. Dh’ eirich i, ’s dh’ amhairc i mu’n cuairt oirre. Bhuail e a bhas a rithist, agus an uair so choisich i ceum no dhà an taobh a bha e. Bhuail e bhas uair no dhà eile gus an [TD 190] d’ thàinig i cho faisge ’sa bha dhìth air, agus an uair a thionndaidh i gu teicheadh smàl e rithe an urchair a bha cho fada ’feitheamh oirre. Thuit i marbh goirid bhuaithe. Is e cudthrom nam fiadh an coitcheantas mu shè-clacha-deug, agus cha’n i h-uile frìth a chuibhisicheas sin féin. Gheibhear air uairean fear no dithis mu fhichead clach, ach cha’n ’eil iad ach tearc. Mharbhadh bho cheann beagan bhliadhnachan ann am frith Cheannlochmoir damh anns an robh naoi-clacha-fichead agus ochd puinnd. Bha ceann eireachdail air an damh so, agus bha cuid ag ràdh aig an àm, gu’m feumadh gu’n robh cuid mhaith de fhuil an Wapiti ann, oir is fior ainmig féidh Albannach a bhi cho mór ’sa bha am fear so. Am fiadh is truime air am bheil cunntas againn a mharbhadh an Albainn bha ceithear-clacha-deug thar fhichead ann. Fhuaireadh am fear sin ann an aon de fhrithean Pheairt, bho cheann móran bhliadhnachan. Tha móran fhorsairean agus ghillean frìthe ann an diugh nach bi aig an dragh mionach an fhéidh a thoirt dhachaidh, ach fhàgail aig fithich is feannagan. Cha’n ’eil so mar bu chòir dha bhi. Is iomadh trath maith a rinn ar n-athraichean air currac-an-righ, càl fada, agus deadh bhuntata! Is e móran a dh’ fhaodadh tighinn gu tigh an duine bhochd bho fhaghaid an fhéidh na’m biodh gillean grunndail mar a b’abhaist, ach tha am bòrd Gallda air ruigheachd gu iomall na frithe, eadhon do’n bhothan is uaigniche ’sa choire. Sin agad, a leughadair shuairce, beagan mu [TD 191] dheidhinn nam fiadh bho am breith gu àm bàis. Ghabhadh móran sgriobhadh umpa air nach do bhean mise; agus nach freagarrach briathran Dhonnachaidh Bhàin a cho-dhùnadh a’ bheachd-oidhirp ghoirid so:— Is ged a thuirt mi beagan riu, Mu’n innsinn uil’ an dleasnas orra, Chuireadh iad am bhreislich mi Le deisimeireachd chomhraidh. NIALL MAC GILLE SHEATHANIACH. [TD 192] Ros Aluinn. O, m’ annsachd ort, a Dhealbh na Maise; ’Aiteil chaoin de ghlòir na’ Flathas; ’Aisling naomh nan aing’la geala; ’Iomhaidh bheannaichte na h-Oighe! M’ éudail ort, a shùigh mo chéille; ’Aobhneis òig, a Dhòchais éibhinn; ’Ailleagain fo shùil na gréine, Cha ’n eil cruth fo spéur cho bòidheach; ’S tusa ’m pong de cheol nan aingeal ’Thuit an nuas ’s a chaochail tannas, ’S tusa ’n sèud bha ’n uchd na Maidne An ceud chamhanaich a h-òige. ’S tusa ceùd-chruth glòir na Talmhainn, ’S tusa Smaoin nan naoidhean anfhann, ’S tu ’san iar tha nochd ion-dhealbhte Air brat alla-mhaiseach nan spéura. ’S tusa ’n Phòg ’thug Mac na Gile ’Thìr nan Og—a dheoin seach Innis. ’S tusa fòs gu fòil th’ air bilean Oigh mo chridhe-sa fo’n éidheann. [TD 193] ’S tu snodha ’n Aoibhneis nach can teanga; Taibhseal Soillse a chaidh thairis; Manadh Sòlais a tha maireann; Tosgaire an gheallaidh néimhidh. O, carson do rùgh’ cho minig, ’S fàite gàire air do bhilean? O, carson cho sgaoilt’ do chridhe? Innis dhomh; mur tuigeam féin e. O, carson am boltradh cùbhraidh Tha bhàrr d’ analach, a mhùirnein? O, carson an deùr ’na chùirnean Air do shùil an àm dhuit éirigh? Ma ’s e Mac na Spéur do leannan, ’S iomchuidh dhuit do ghnùis is d’ anail: Ma ’s e ’dheòir an àm ’u sgaraidh ’Tha thu tasgadh ad’ uchd àluinn. Neò ’n e aon de chlann na sgèithe ’Gheibh do ghaol mar mhil do chlèibhe? O, ma ’s e,—carson nach feùdadh Mise féin a bhi de’n àl sin? M’ annsachd ort, a Shùil na Maise, M’ èudail ort, a ghaoil nan leannan ’Shùigh mo chéille, Dia bhi mar riut; Beannachd leat, a phaidir Màiri; D. M. N. C. [TD 194] Gille-Criosd, Morair Mhàirr. GHEIBHEAR an crochadh ri sean eachdraidh Albann ceist no dhà a tha gu math deacair ri fhuasgladh; agus, de na cruaidh-cheistean so, tha a bhi faighinn àite dligheach do chùspair-sgrìobhaidh a’ bheachd-oidhirp so—Gille-Crìosd, Morair Mhàirr—ri chunntas. Chan e gu dearbh gu’m bheil na sloinntearan de’n bheachd nach robh e riamh ann; ach gu’m bheil a àite dligheach air craobh-ghinealaich an teaghlaich ainmeil d’am buineadh e anabarrach deacair a dhèanamh am mach. Ach, mu ’n téid agam air buntainn ris a’ choltas so a th’ air a’ chùis, bidh cho math duinn agus an grunnd a ghart-ghlanadh rud beag air ar son féin le bhi toirt fa near ainmean nam morairean sin ás nach eil na slointearan idir an-earbsach. Is e morair d’am b’ainm DOMHNULL a’ cheud fhear air am bheil cunntas cinnteach againn. Thàtar ag ràdh gu’n robh e de’n bhuidhinn a sheòl bho Albainn gu Eire anns a’ bhliadhna 1014, air los cuideachadh a dhèanamh le Brian Borumha, àrd-rìgh Eireann, a bha cathachadh aig an àm ud an aghaidh nan Lochlannach, a bha toirt ionnsaigh air an rìoghachd sin air fad a cheannsachadh is a chur fo chìs aca. Fhuair Dòmhnull bàs air blàr ainmeil Chluain-an-Tairbh (1014). Is e an ath mhorair air am bheil fios cinnteach againn RUARAIDH. Thug esan a bheatha ri linn a’ cheud rìgh Daibhidh. Chan eil fhios cuin no c’àit [TD 195] a fhuair e bàs; ach is cinnteach an gnothach gu’n do chaochail e uaireiginn roimh a’ bhliadhna 1132. B’e MORGUNN ainm a’ mhorar a lean Ruaraidh air cathair-riaghlaidh na moraireachd. B’e a shloinneadh-san “Morgunn mac Ghille-chléire”; agus thàtar ag ràdh gu’n d’fhuair e bàs mu’n bhliadhna 1182. Dh’ fhàg e mac ’na dhéidh air an robh, DONNACHADH mar ainm. Fhuair Donnachadh sealbh air a’ mhoraireachd mu’n do chaochail e—nì a thachair mu’n bhliadhna 1243. Phòs e, is dh’ fhàg e mac ’na dhéidh, d’ am b’ainm, UILLEAM, a fhuair sealbh air a’ mhoraireachd eadar 1243 agus 1244. B’ann ri a linn-san a thug Ailean Dorsair a oidhirp ainmeil air a’ mhoraireachd a thoirt air falbh bho’n teaghlach leis an robh i. Ach, eadar Morgunn mac Ghille-chléire agus Donnachadh a mhac, tha againn ri àite fhaighinn do chùspair-sgrìobhaidh a’ bheachd-oidhirp so—Gille-Crìosd, Morair Mhàirr. Chan eil fhios có e a b’ athair dha; ach cha ruig sinn a leas an còrr a ràdh mu’n phuing so aig an àm. Buinidh mi rithe, mu’n tig crìoch air a’ bheachd-oidhirp so. Chan eil an comhdach is lugha gu’n d’fhuair Gille-Crìosd a bhi air aideachadh mar Mhorair Mhàirr mu’n d’ fhuair Morgunn bàs; ach air an làimh eile chan eil nì is cinntiche na gu’n d’ fhuair e sealbh air a’ mhoraireachd bliadhnachan mu’n d’fhuair Donnachadh mac Mhorguinn aideachadh mar sin. Air an aobhar so, is i a’ chruaidh-cheist a tha againn ri fuasgladh có e an Gille-Crìosd so, agus cionnas a fhuair e an còir a chaidh a leigeadh dha—e a bhi air ainmeachadh mar “Mhorair Mhàirr”? Ach mu’n toir mi oidhirp air a’ chruaidh-cheist so a dh’ [TD 196] fhuasgladh, cuireamaid an céill an tòiseach ainmean nam morairean mar a gheibhear iad air an cur sìos an leabhraichean nan sloinntearan is earbsaiche a th’ againn. (1) DOMHNULL, f. b. 1014. (2) RUARAIDH, f. b. an déidh 1132. (3) MORGUNN, f. b. circa 1182. (4) GILLE-CRIOSD, f. b. eadar 1211-1228. (5) DONNACHADH, f. b. eadar 1243-44. (6) UILLEAM (a quo an corr de na Morairean), f. b. 1281. Tha againn a nis ri buntainn ri eachdraidh-beatha Ghille-Chrìosd air dhòigh beagan na’s curamaiche pongaile na rinn sinn roimh. Chan aithne duinn có e a b’athair dha. “Gilchrist’s place in the line of Earls is somewhat mysterious.”* Tha cuid de’n bheachd gur e Morgunn a b’athair dha; ach chan fhaod mi ràdh gu’m bheil mise de’n aona bheachd riusan a tha breithneachadh mar so. Coma co dhiùbh, chan eil fios cinnteach againn gur ann mar so a bha. Gun ag gun teagamh, b’ann de’n aona teaghlach ri Morgunn a bha Gille-Crìosd; ach na’s fhaide na so chan eil barantas againn a dhol. Thàtar ag ràdh gu’n do phòs Gille-Crìosd bean air an robh “Orabile” (Or-bheul?) mar ainm; ach co-dhiùbh tha no nach eil an ràdh so fìor, chan eil cinnt nach d’ fhàg e clann na dhéidh. A réir coltais, bha ceathrar mhac aige, barrachd air nighean, a phòs Maol-Chaluim de Lundin, Dorsair an rìgh. * The Scots Peerage, L. v., t-d, 570. [TD 197] GILLE-CRIOSD = “ORABILE” (?). MAOL-CHALUIM. IAIN. (Mac. gun ainm). (Mac. gun ainm). NIGHEAN (gun ainm) = MAOL-CHALUIM de Lundin. TOMAS DORSAIR (f. b. 1283) = BEAN (gun ainm). AILEAN DORSAIR. Chunnaic sinn mar tha gur e Donnachadh mac Mhorguinn a lean Gille-Crìosd air cathair na moraireachd; ach mu àm bàs Ghille-Chrìosd, no uaireiginn ’na dhéidh sin, dh’ éirich deasbud fada cruaidh eadar Donnachadh agus teaglach an Dorsair mu chòir an atharraich air a’ mhoraireachd. Chan aithne idir do na sloinntearan dé bu bhonn do’n tagradh so a thug an Dorsair air lom; ach is cinnteach an gnothach gu’n deachaidh, air an turus so, co-chòrdadh a dhèanamh eadar Donnachadh agus a eascaraid, leis an d’fhuair an Dorsair sealbh air cuid mhór de fhearann na moraireachd, ged a dh’ fhairtlich air gu buileach an inbhe i féin a chosnadh d’a theaghlach. Mar a thuirt mi mar tha, chaochail Donnachadh, Morair Mhàirr, eadar 1243-44; agus an ath nì a thachair b’e sin gu’n d’ thug Ailean Dorsair ath-bheothachadh air an tagradh a sheas Tómas a athair. Thachair a’ cheud ionnsuigh a rinneadh leis mu’n bhliadhna 1254, ach, a réir coltais, cha do [TD 198] shoirbhich leis anns an oidhirp a thug e an sin. B’e a ghearan is a thagradh-san gu’n deachaidh a’ mhoraireachd air an robh còir dhligheil aige féin a chumail gu mi-laghail air falbh bhuaidhe le Uilleam Mac Dhonnachaidh; agus thuirt e cuideachd gu’n robh Morgunn agus Donnachadh le chéile ’nam fir-dìolain. Mu dheireadh thall, dh’ iarr an Dorsair air a’ Phàp (Alasdair IV.) e a bhi cho maith agus rannsachadh a dhèanamh air a’ chùis. Mar fhreagairt do’n aslach so a rinn an Dorsair, dh’ aithn Alasdair air cuid de fheadhainn a bha miadhail leis féin air son treibhiris an nàdair agus farsaingeachd-an eolais iad a rannsachadh gu dlùth curamach a staigh do’n ghnothach air fad. Rinneadh sin; ach ge b’e air bith a’ chòir a bh’ aig an Dorsair air a’ mhoraireachd, b’e ceannfinid a’ ghnothaich gu’n do chum Uilleam sealbh air an oidhreachd—nì a tha toirt taice nach beag do’n bheachd a tha cuid a’leigeil air adhart nach robh anns a’ chasaid a chaidh a thilgeil air breith Mhorguinn agus a mhic ach toradh doimh air “the difference between the Celtic usage (a thaobh pòsaidh) and the Canon law which was superseding it.”* Ach, biodh sin mar a dh’ fhaodas e, an déidh sud a thachair dha, chan fhaigh sinn tuilleadh iomraidh air an Dorsair, agus a’ chòir a sheas e. Dh’ fhan e mar a bh’aige; agus, a réir coltais, cha d’ thug riamh aon chuid esan no an fheadhainn a lean ris oidhirp eile air teaghlach Mhorguinn a chur á seilbh o’n mhoraireachd. A nis, is iomadh treun oidhirp a chaidh a dhèanamh air a’ chruaidh-chàs so a dh’ ainmich mi a dh’ fhuasgladh; ach gu ruige so, dh’fhairltich gu * Genealogist, L. iv. t-d, 182. [TD 199] buileach air an fheadhainn a ghlac ris fuasgladh no réiteachadh a chur air. Feumaidh a h-uile fear a bhuin ris roimh so aideachadh gu saor soilleir nach eil an gnothach idir soirbh a dhèanamh am mach; agus gu’m bheil sinn fathast a dhìth air modh no dòigh air a bhi buntainn ris a fhreagras gu ceart cuimir air a h-uile rud air am bheil fios cinnteach againn mu’n chùis. Is iomadh fear a thug ionnsaigh roimh so air éirigh suas Ghille-Chrìosd a shoilleireachadh duinn, agus mineachadh earbsach a cho-chur ri chéile air mar a dh’ éirich an tagradh a sheas na Dorsairean, còmhla ri solus a thilgeil air nàdur an tagraidh a thug iad air lom; ach ged a rachadh againn air cuid de na baraileachan a leig iad so seachad a cho-dhaingneachadh, gidheadh is éiginn duinn aideachadh nach eil anns a’ chuid is mò dhiubh ach beachdan gun bhrìgh, gun stàth, gun bhonn. Mar thuaireaman tùrail gealltanach, chan eil iad, gun teagamh, gu buileach gun fhiù. Do bheothalachd meanmnachd, amhuil mar do fharsaingeachd eolais, na feadhnach a thug iad an céill tha iad a’ toirt na h-urram is mò; ach mar mheadhonan earbsach gu fuasgladh a chur, no ùr sholus a thilgeil, is beag am feum a ni iad duinn. An cunntas is earbsaiche a th’ againn air Morgunn, Gille-Crìosd, Donnachadh, is Uilleam, gheibhear e sin air a chur sios anns an Scots Peerage, aig Sir J. Balfour Paul; ach mar a leig mi thuigsinn do’n leughadair mar tha, chan fhaodar sealltuinn air a’ chunntas a gheibhear an sin ach mar chruaidh-spairn a rinneadh leis an fheadhainn leis am maith cuid de na ceistean cruaidh tha dlùth-fhillte suas le eachdraidh na moraireachd a chur air shùilean duinn, agus iad sin a mhineachadh [TD 200] air falbh mar a b’fheàrr a b’urrainn iad. Ach, a dh’ aindeoin na chaidh a dhèanamh anns an dòigh so air son slighe an leughadar a reiteachadh dha, is mór is eagal leam nach tog eadhon an neach is inntinneiche nar measg a shùilean bhàrr aghaidh na cùise dualaich so gun tuainealaich a bhi ’na cheann. A nis, is e mo bharail féin mu’n ghnothach a tha againn ri réiteachadh an so, nach eil ach an aon dòigh air an còir duinn tighinn air, ma’s miann leinn fuasgladh earbsach a chur air a’ chùis; ach mu’n téid agam air an dòigh sin a thoirt fa near bu mhath leam an tòiseach aire an leughadar a tharruing a dh’ ionnsaigh rud no dhà air am bheil mise a’ sealltuinn mar ghnothach is maith is airidh air ar n-aire fhaighinn. Air tùs, mata, chunnaic sinn mar tha nach aithne duinn idir cò e a b’athair do Ghille-Crìosd. Gun teagamh, bha e de’n aon teaghlach ri Morgunn; ach, mar a thuirt mi mar tha, na’s fhaide na sin, chan eil barantas againn a dhol. B’e Gille-cléire a b’ athair do Mhorgunn. Tha fios cinnteach againn mu dheidhinn sin.* Thuirt Morgunn e féin gu’n robh a athair ’na mhorair mar an ceudna; ach o’n a tha an ràdh so aige gun bhonn no taic sam bith, taobh am mach bho na dh’ innis e féin mu’n cheart phuing bheir an leughadair an aire nach eil mi ga mheas iomchuidh air àite fhaighinn dha am measg nam morairean a tha an ainmean r’am faotainn an so. Ach ged a b’ éiginn dhomh Gille-cléire a leigeil am mach, cha ruig mi leas mo bharail féin a chur an uaigneas air an leughadair gu’n robh a’ chùis ceart * “He is designated ‘Mac Gyloclery’ in one writ of undoubted credit.”—Scots Peerage L. v., t-d, 567. [TD 201] mar a thuirt Morgunn gu’n robh—se sin ri ràdh gur e morair Mhàirr a bha an Gille-cléire, a athair. Ach, gu dé a thaobh an fhir ud eile—Gille-Crìosd? Ma tà, ma’s éiginn dhomh barail air thuaiream a thilgeil mu’n chùis, abairinn-se gu ’n robh esan mac peathar Ghille-chléire. Is e an ath rud d’am bheil mi miannach air aire an leughadar a tharruing gu’n d’fhàg Gille-Crìosd clann ’na dhéidh—ceathrar mhac, a réir coltais, còmhla ri nighean. Chan aithne duinn a h-ainm-se. Ach, de na mic a bh’ aig Gille-Crìosd, cha d’ thug a h-aon diubh riamh oidhirp air a’ mhoraireachd a chosnadh dha féin. B’e mac am peathar-san (Tómas Dorsair) a chuir an ath ghluasad air bonn, a’ cantuinn gur ann leis-san a bha a’ mhoraireachd le còir agus ceartas, agus a rinn gearan gu’n robh Donnachadh ga cumail gu mi-laghail air falbh bhuaidhe. Mar a chunnaic sinn mar tha, chaidh co-chòrdadh a dhèanamh eadar Tómas agus Donnachadh, leis an d’fhuair an Dorsair sealbh air roinn mhór de’n mhoraireachd, ged nach comasach dha an inbhe a bha an crochadh rithe a spiònadh á greim Dhonnachaidh.* Tha nàdur an tagraidh a thug Tómas air lom an aineol air na sloinntearan;† * “We may be allowed to conjecture that it was under that settlement that Thomas Durward acquired his vast domains in Mar, stretching from Invercanny on the Dee to Alford on the Don; from Coull on the west to Skene on the east.”—Antiquities of Aberdeen and Banff, iv. 693, cf. 151. † “The attack on Duncan’s rights was made by Thomas of Lundin, the Doorward, who died in 1231; but perhaps he did not impugn the Earl’s birth, as the question between them was arranged, and an agreement made betwixt them before the Doorward’s death. But while this fact is on record, all else [TD 202] ach tha agam-sa mo bharail féin mu’n ghnothach ud, mar a leigear thuigsinn do’n leughadair, mu’n tarruing mi na ràidhean so gu crìch. Chunnaic sinn mar tha, cuideachd, gu’n d’ thug Ailean Dorsair, mac Thómais, ath-bheothachadh air an tagradh a sheas a athair, a’ cur an céill mar lethsgeul air son a’ ghearain a rinn e gu ’n robh Morgunn is Donnachadh nach maireann le chéile ’nam fir-dìolain. Chan eil cinnt nach b’ann mar sin a thug Ailean bunachas do’n chùis a sheas e; ach is i is barail leam féin nach b’ionnan an dòigh a chleachd Tómas agus Ailean ann a bhi bunachadh na h-aona cùise. Tha mi de’n bheachd nach deachaidh breith Mhorguinn riamh a chur an ag le Tómas; ach gu’n do rinn Ailean mar a rinn esan do bhrìgh gu’n robh e a’ saoilsinn gu’n robh a bhi dèanamh mar sin an seòl a b’ earbsaiche agus a bu ghealltanaiche a b’ urrainn da leantuinn air son na bha aige san amharc a thoirt am mach. Ach, biodh sin agus a roghainn da, dh’ fhairtlich gu buileach air Ailean Morgunn agus Donnachadh fhaighinn air air an glaodhaich ’nam fir-dìolain; agus, mar a chunnaic sinn mar tha, “William remained in possession.” Gheibhear am measg annalan nan sean Chruithneach iomadh lorg soilleir air nòs àraidh air an robh “Còir a’ Mhathar” mar ainm aca. Bha na Cruithnich an earbsa ris na mnathan aca air son chinn-cinnidh fhaighinn do na teaghlaichean aca. Cha robh meas mór aca air na mnathan. A réir is wrapped in mystery; and the grounds of the Doorward’s claim, and the terms of the settlement with Duncan, are unknown.”—Scots Peerage. L. v., t-d, 595. [TD 203] coltais, cha leigeadh daibh so aon chuid cead no cothrom air riaghladh; ach, air an làimh eile, b’i a’ mhathair, agus air an aobhar sin, breith an duine a bha socrachadh chan ann a mhàin leanachd na h-oighreachd, ach suidheachadh an duine mar bhall de’n treubh. Mar sin, air do’n cheann-cinnidh bàs fhaighinn, rachadh an drèachd a bh’ aige, an àm dha a bhi beo, a bhuileachadh, chan ann idir air a’ mhac a bu shine a dh’ fhàg e ’na dhéidh (nì a bu chleachdadh leis na Gàidheil a dhèanamh) ach air mac a pheathar. Agus an déidh dha-san, agus a bhràithrean (nam biodh de bhràithrean aige) bàs fhaighinn, gun chlann a dh’ fhàgail ’nan déidh, an sin dh’ fhosgladh an leanachd do’n cheannas-feadhna suas gu mac peathar eile; agus leanadh na Cruithnich ris a’ cheart ghnàths sin cho fad sa bhiodh mac peatha r’a fhaighinn mar cheann do’n theaghlach. Sin aig an leughadair, am beagan bhriathran, “Còir a’ Mhathar”; ach eagal is nach biodh am minneachadh a chuir mi oirre cho tur soilleir agus is àill leam e a bhi, theagamh gu’n dèan a bhi leigeil inntinn air a’ chraobh-ghinealaich a gheibhear an cois nam briathran so cuideachadh leis an leughadair gus an gnothach a thuigsinn beagan na’s fheàrr. CEANN FEADHNA (1). MAC. NIGHEAN. MAC. Ceann-feadhna (2). D. S. P. MAC. Ceann-feadhna (3). D. S. P. MAC. NIGHEAN. MAC. Ceann-feadhna (4). [TD 204] Thàtar ag ràdh gu’n do lean na Cruithnich ris a’ ghnàths neonach so ris an canadh iad “Còir a’ Mhàthar” fada an déidh daibh bhi air an tionndadh gu an creideamh Crìosdail, agus air an Gàidhealachadh leis an t-sluagh a bha ri an ainm a sparradh orrasan is air an dùthaich air fad. Chaidh an rìoghachd a bh’ aig na Cruithnich a chur ás di anns an naodhamh linn; ach ged a chaill na Cruithnich mar so an saorsa chinneachail, còmhla ris a’ chànain dhùthchasaich a bhuin daibh, cha robh e idir furasda do na Gàidheil cuid de shean àbhaistean nan Cruithneach a chur fodha, agus a mhùcadh ás. Chan eil nì is dorra a thoirt am mach na sgarradh buan-mhaireannach a chur eadar sluagh lìonmhor agus an nòsan dualach. Gabhaidh gu tric saorsa is cànain cur ás daibh, gun mhòran spairn a bhi riatanach chum sin; ach, am bitheantas, mairidh “gnàths is àbhaist” am measg shluaigh linntean an déidh daibh bhi air an co-éigneachadh gu an saorsa dhùthchasach is an cànain mhàthaireil féin a thoirt suas, air àilgheas an cuid luchd-fhòirneirt.* Uime sin, cha ruig sinn a leas * “Cf. The Uist custom, where the household cows are given the mother’s names from generation to generation. In the glens of Antrim, if I mistake not, a young woman is locally known by her mother’s name, not solely by her own. ‘A woman may take her husband’s name when she marries, or she may not. If she keeps her own, she may keep either her father’s name or her mother’s maiden name. Suppose that a girl at the age of ten is called Mary MacNeill: she may grow up and marry a husband of the name of MacLarty, and subsequently another husband of the name of Macelheran; and after all she may die as Mary Docherty, because that was her mother’s maiden name.’—Blackwood’s Magazine, Sept., 1893, p. 370.” Leabhar nan Gleann, t-d. 13. Ri so, cuideachd, faodar a chur gu’m bheil còir a [TD 205] ionghnadh a ghabhail ged a mhair cuid de na nòsan dùthchasach a bu mhiadhaile na chéile leis na Cruithnich fada an déidh daibh bhi air an Gàidhealachadh, agus an cànain, comhla ri an saorsa, a bhi air an toirt air falbh bhuapa. A nis, ma’s ceart agus reusonta na tha mi a’ tilgeal an céill an so, ar leam féin nach eil roinn no ceàrn de Albainn far is mò a tha de dhuil is de fhiughair ri coinneachadh ri lorg no fuigheal de na nòsan cinneachail a b’ àbhaist a bhi aig na Cruithnich na anns an dùthaich sin air an robh Màrr uaireiginn mar ainm. Bha a’ mhór-roinn so ga shuidheachadh an teis meadhon rìoghachd nan Cruithneach; agus air an aobhar sin de an nì is nàdurra air fad na gu’n leanadh muinntir na dùthcha sin ri nòsan is gnàthaichean an sinnsearan fada an déidh daibh sud a bhi air an leigeil gu taobh no air an caitheamh ás an roinnean eile de Albainn nach robh air an nochdadh air a’ cheart dòigh, no anns a leth-bhreac tomhais, d’a leithid sin de bhuaidh làidir? Air an aobhar so, tha mi de’n bheachd nach toir aon chuid éirigh suas Ghille-Chrìosd, no an tagradh bhi faighinn seilbh air cuid de na h-inbhean Albannach leigte do bhoireannaich cho math ri fireannaich. “Your Petitioner’s said uncle gave him papers to show that he and his predecessors were premier Earls of Scotland by inheritance through several heiresses of Mar, as descended directly through heiresses of Mar from a Mormaer of Mar who was slain at the battle of Clontarf in 1014, and from another Mormaer of Mar in 1132, the epoch when the dignity of Mormaer passed into that of Earl. These papers show that your Petitioner would succeed in that position, as inheriting that ancient dignity in female descent.” Petition of the Right Honourable John Frances Erskine, Earl of Mar, and Baron Garioch, etc, 1916, t-d. 1. [TD 206] ainmeil a sheas teaghlach nan Dorsairean, mineachadh ceart eagnaidh, mur am bi sinn toileach air sealltuinn air an dà thachartas ud a dh’ ainmich mi mar sheorsa de thaisbeanadh riochdail air an spéis làidir a bha cuid de mhuinntir Mhàirr ag éiridinn a thaobh sheann nòsan an sinnsearan; agus gu sònruichte mar chomhdach soilleir air an taobhachd bhlath bhuan-mhaireannach a bha aig cuid dhiubh so do “Chòir a’ Mhàthar,” mar inneal goireasach fa chomhair leanachd dhualach an cinn-fheadhna a shocrachadh a réir “gnàths is abhaist” an cuid atharaichean. Modh no dòigh earbsach eile air a bhi faighinn fuasglaidh do’n chruaidh-chàs a th’ againn ri réiteachadh an so, chan eil mi idir a’ faicinn. Air thùs agus air thòiseach, gabhamaid beachd nach eil Gille-Crìosd ag innseadh duinn uiread agus aon uair có e a b’ athair dha, ged is iomadh bann-seilbhe a thàinig a nuas duinn air am bheil a ainm-sa sgrìobhte. Tha againn am pailteas de iomradh air Gille-Crìosd mar fhianuis maraon is mar thabhartair-fearainn. Agus anns an nì so féin a thug mi fa near, chan eil cinnt nach robh e air a stiùradh is air a sheoladh le gnàths nan Cruithneach, leis nach robh e riamh bitheanta, a réir coltais, iomradh a dhèanamh air sloinneadh an athaireachain, an àm daibh bhi dol an ceann ghnothaichean de’n t-seorsa ud. Rud eile. Gabh beachd gur e mac peathar a bh’ anns an duine a thug oidhirp air Donnachadh a chur á seilbh o’n mhoraireachd, agus a rinn co-chòrdadh ris, leis an d’ fhuair e sealbh air cuid mhór de’n mhór-roinn, ged nach robh e comasach dha an inbhe a bha leithe a spiònadh air falbh bho ghreim [TD 207] Dhonnachaidh. Bha ceathrar mhac aig Gille-Crìosd, gidheadh cha do thairig fear dhiubh riamh còir air a’ mhoraireachd, an déidh d’an athair (Gille-Crìosd) bàs fhaighinn: cha mhò a bhuannaich iad aon dad—cho fad sa tha ar fiosrachd uile a’ dol—fo’n chumhnant a rinneadh eadar Donnachadh agus Tómas. Mar a thuirt mi cheana, tha nàdur an taghraidh a thug Tómas air lom gu tur an aineol oirnn; ach o’n a b’e mac piuthar a bh’ anns an duine sin, tha mi de’n bheachd gur ann air an dearbh stéidh ud a bhuin esan a’ chòir a sheas e, is chan ann idir air Morgunn is Donnachadh a bhi ’nam fir-dìolain—casaid a dh’ fhairtlich gu buileach air Ailean mac Thómais a thoirt am mach. Ach, an uair a chaidh Ailean Dorsair an ceann gnothaich gu oidhirp a dhèanamh air an inbhe a bha leis a’ mhoraireachd a thoirt air falbh bho Uilleam, shaoil leis-san gun ag gu’n tigeadh dha a’ chòir a bha e saoilsinn a bhi aige féin a stéidheachadh air bonn tur air leith bho’n tì sin air an do rinneadh feum le ’athair. Cha bu mhac peathar esan. Air an aobhar sin, cha robh cead aige—a chum na còire a a bha e seasamh a thoirt am mach—air triall air a’ cheart rathad air an do shiubhal a athair roimh, le tomhas nach bu bheag de shoirbheachadh dha féin. B’ éiginn dha, mar sin, grunnd-taghraidh eile a chur air dhòigh; agus o’n a bha, aig an àm ud, mùthadh mór ann, a thaobh pòsaidh, eadar lagh na h-eaglaise agus lagh na rìoghachd, shaoil le Ailean gun teagamh nach b’urrainn dha inneal a b’ fhèarr air son na bha aige san amharc a chur gu feum na ag a thilgeil air breith Mhorguinn agus Dhonnachaidh. Agus o’n a b’e [TD 208] duine adhartach, sanntach, carach, is uile gu lèir neo-choguiseach, a bha an Ailean, cha b’e rud idir nàrach leis feum a dhèanamh air brèag is mealltachd ann a bhi uidheamachadh an tagraidh a sheas e. Ach, mar a thug mi fa near mar tha, a dh’ aindeoin gach seòltachd a chleachd e, is brèag a leigeadh air a h-adhart leis, chaidh a chuilbheartan uile fhaighinn am mach; agus is e a bu cheann-finid do’n ghnothach air fad gu’n do chaill Ailean an là. “William remained in possession.” Dh’ fhan Ailean mar a bh’ aige; agus riamh bho’n àm ud “we hear no more about the puzzling claim of the Dorward family to the famous Earldom of Mar.”* RUARAIDH ARASCAIN IS MHAIRR. * Genealogist iv. 177 et seq. [TD 209] Beachdan am measg nam Blathan. Tha’n driùchd tha ’g àrachadh nam blàth A’ tuiteam anns na h-uairean sàmhach; Tha iomadh sruth toirt beath’ do’n raon, ’S a’ ruith á sealladh sùilean dhaoin’. An siolan beag chaidh leis a’ ghaoith, Fhuair e leabaidh, ’s thàinig luibh; Sgeadaich is’ le dreach an raon, Sgaoil i cùbhraidheachd maraon. An lus tha falach anns a’ bhruaich A’ sgaoileadh anail tlàth mu’n cuairt; An uiseig, fad á sealladh shuas, A’ dòirteadh òirnn’ a ceòl a nuas. Tha beusan smaoin an duine chòir Mar an fhlùran, pailt an glòir; Cinnidh iad gu math le bàrr, Ged nach fhaicear iad a’ fàs. Tha irisleachd a’ cur gu nàir’ Gach faoin-ghlòireachd gun seadh, gun stàth, Is caomhalachd, mar lusan caomh, A’ sgaoileadh grinneis air gach taobh. ’S nìthean iad tha nochdadh dhuinn Ailleachd ’s banalachd tha grinn; Eifeachdach nan nìthean tha Fuireach ás ar sealladh-sa. [TD 210] Dòirtidh uisg’ a nuas le fras, Ruithidh e le uillt gu bras; Eirigh e ’na cheò bho’n chuan, ’S thig e ’rithist ’na fhras a nuas. Sud an t-allt, gu sìor a’ ruith, A’ cumail air gu ruig a’ chrìch; Dh’ aindeoin chlachan, chuairt, is bhruaich, Ruithidh e gu ruig a’ chuan. Tha ceòl an uiseig, bho an àdhar, A’ sealladh anns na nèamhan àrd, A’ dùsgadh dhuinn gach maduinn ùr Fàilte do gach allt is flùr. Anail chagair ghrinn nan craoibh Co-measgta ris na h-òrain gaoil; Aoibhneas shamhraidh a’ cur gleus Air gach fuaim, is smaoin, is beus. Tiodhlaichean gun àireamh fuaight’, Aoradh air gach taobh mu’n cuairt; Cùrsa Nàdur dhuinn mar iùl, A’ nochdadh reachdan Righ-nan-dùl. T. D. MACDHOMHNUILL. [TD 211] Nighean Righ-fo-Thuinn. [Fo laimh Iain Mhic Aoidh.] FAICEAR am fios so a leanas a chaidh a leigeadh ris le Iain Og Ile, air a chur sios air chùlaibh aon de na taobh-duilleachan air an deachaidh an sgeulachd a sgrìobhadh:— “The Finne encamped—a creature comes wild and unkempt with her hair to her heels—asks to get in and is refused—screams—Diarmaid lets her in—to the tent—to the fire—to his bed (Legend of the Cid). She becomes a beautiful woman, and orders a magic castle to be built, and they live in it. He is not to remind her of the state in which he found her—He goes hunting and leaves (?) a greyhound and three pups—She gives them away one by one. He reminds her—and she and the Castle vanish—Diarmaid goes in search—goes to an Island—gets into a boat which sinks (Groach of the Island Breton)—he finds kingdom under waves—meets with three drops of heart’s blood—finds her ill—she gets better—he goes for cup of King—kills warriors, gets cup, returns, gets water from magic well—cures the lady—takes dislike for her—gets a ship and sails back to Ireland—He is assisted over a stream by a little red man.—” [TD 212] Crìoch obann an so aig briathran a’ Chaimbealaich. Ach thug e eadar-theangachadh air an sgeul ’na leabhar ainmeil, Sgeulachdan Gaidhealach, III. 402. NIGHEAN RIGH-FO-THUINN.* Bha ’n Fhéinn, uair, cruinn air lethtaobh Beinn Eudainn, oidhche gharbh, agus sileadh agus cur sneachd ann o’n tuath. Bhuail creutair anagnathaichte coslas mu mheadhon oidhche ann an dorusd Fhinn. Bha a falt ’s a fionna sìos gu a sàiltean. Dh’éigh i da a leigeil a stigh fo iomall a bhrait. “A’ chreutair anagnathaichte,” ars esan, “tha t’fhalt agus t’fhionna sìos gu do shàiltean—de mar a dh’ iarras tu orm-sa do leigeil a stigh?” Dh’ fhalbh i, agus thug i sgread aiste. Ràinig i Oisein, agus dh’iarr i air a leigeil a stigh fo iomall a bhrait. Thog Oisein cirb de’n bhreacan ’s chunnaic e i. “A ’chreutair anagnathach! de mar a dh’iarras tu orm-sa do leigeil a stigh? Tha t’ fhalt agus t’fhionna sìos gu do shail. Cha tig thu a stigh.” Dh’ fhalbh i, agus thug i sgread aisde. Ràinig i Diarmaid, agus dh’éigh i da a leigeil a stigh fo iomall a bhrait. Thog Diarmaid cirb de’n bhrait, agus chunnaic e [i]. “Is creutair anagnathach thu, tha t’fhalt agus t’fhionna sìos gu do shàiltean, ach thig a stigh.” Thàinig i a stigh fo iomall a bhrait. “O Dhiarmaid!” ars ise, “tha mi seachd * Gnothaichean móra fo thuinn; Tha uaisle fo thuinn ’an Clann Lachain—Seanfhaclan Mhic Neacail, 206, 363. [TD 213] bliadhna a’ siubhal fairge agus cuain, ’s cha do chuir mi oidhche seachad [fo fhàsgadh tighe] as a sin gus a nochd gus an do leig thu a stigh mi. Leig mi a dh’ionnsuidh blathas a’ ghealbhain.” “Thig a nìos,” arsa Diarmaid. An uair a thàinig i nìos, thòisich muinntir na Féinne air teicheadh, leis cho grannda ’s bha i. “Theirigibh air an taobh thall,” arsa Diarmaid, “’s leigibh an creutair chun blàthas a’ghealbhain.” Dh’ fhalbh iad air an darna taobh, ’s leig iad leatha aig a’ ghealbhan. Cha robh i fad aig a’ghealbhan, an uair a dh’iarr i dol fo bhlàthas na plaide comhla ris fhìn. “Tha thu ’fàs ro dhàna,” arsa Diarmaid, “dh’ iarr thu an toiseach tighinn fo iomall a’bhrait, dh’iarr thu an sin tighinn a dh’ionnsuidh a’ ghealbhain, ’s tha thu nis ag iarraidh tighinn fo’n phlaide leam; ach thig ann.” Chaidh i fo’n phlaide, agus thionndaidh esan piosa de’n phlaide eadar riu. Cha robh e fada mar sin, an uair a thug e smoidseachadh air [fhéin] ’s sheall e oirre. Chunnaic e an aon bhoinne fala bu bhreagha* o thus an domhain gu deireadh an t-saoghail r’a thaobh. Dh’ éigh e air càch a nall far an robh e. Thuirt e riu nach minig nach biodh caoimhneil, “nach ann a so a tha am boirionnach is àille chunnaic duine riamh?” “Is i,” ars iad-san, agus iad a’ cur suas an aodaich, “boirionnach is breagha a chunnaic duine.” Bha ise an so ’na cadal, ’s cha robh fios aice * Fios an Anraidh, Gille a’ Bhuidseir, 103-105, 110. [TD 214] gu’n robh iad-san a’ sealltuinn oirre. Leig e leatha ’na cadal, ’s cha do dhùisg e i. Goirid ’na dhéidh sin, dhùisg ise ’s thuirt i ris, “A Dhiarmaid! am bheil thu ’nad dhùsgadh?” “Tha mise ’nam dhùisg,” arsa Diarmaid. “C’à’m b’fhearr leat a bhi agad air a thogail an aona chaisteal bu bhreagha chunnaic thu riamh?” “Suas os cionn Beinn Eudainn, nam faighinn mo roghainn.” Chaidil Diarmaid, ’s cha duirt ise tuilleadh ris. Dh’ fhalbh fear moch a mach roimh latha ’màireach, ’s chunnaic e caisteal air a thogail shuas air cnoc. Ghlan e a fhradharc feuch an robh e gu cinnteach ann: chunnaic e an sin e, ’s chaidh e dhachaidh ’s cha d’thuirt e facal. Chaidh fear eile a mach ’s chunnaic e e ’s cha d’thuirt e facal. Bha an so an la a ’soilleireachadh’ ’s thàinig dithisd a stigh ag innseadh gu’n robh an caisteal gu diongalt ann. Ars ise, agus i ag éirigh ’na suidh, “A Dhiarmaid, éirich! gabh suas a dh’ ionnsuidh do chaisteil, na bi ’nad shìneadh an sin na’s fhaide.” “Nam biodh caisteal ann, rachainn ann,” ars esan. “Seall a mach feuch am bheil caisteal ann.” Sheall e a mach agus chunnaic e caisteal, agus thàinig e a stigh. “Théid mise suas do’n chaisteal, ma théid thu fhéin comhla rium.” “Ni mise sin, a Dhiarmaid, ach na can rium tri uairean mar a fhuair thu mi.”* * O’Croileagan agus a’ bhean-sìth, Trans. Gaelic Soc. Inverness, xxv., 194. O’Cronicert, Rev. J. G. Campbell’s Superstitions, [TD 215] “Cha chan mise riut gu siorruidh mar a fhuair mi thu.” Dh’ fhalbh iad do’n chaisteal ’nan dithis. B’e sin an caisteal àluinn. Cha robh sgàth a bhiodh chum feum caisteil nach robh ann, gu ruige buachaille ris na gobhair. Bha am biadh air a’bhòrd; bha fir-mhuinntir agus mnathan-muinntir timchioll air. Thug iad tri làithean ’sa’ chaisteal comhla, ’s an ceann nan tri làithean, thuirt ise ris, “Tha thu ’gabhail mulaid nach robh thu comhla ri càch.” “Saoil nach ’eil mi ’faireachduinn mulaid gu dearbh nach robh mi comhla ris an Fhéinn.” “Is fhearr dhuit falbh leis an Fhéinn, ’s cha bhi do bhiadh no do dheoch na’s miosa na tha iad.” “Co bheir an aire do’n t-saighead [sic] mhiol-choin ’s d’a tri chuileanan?” “O,” ars ise, “gu dé is eagal do’n t-saighead mhiol-choin, ’s d’a tri chuileanan?” Dh’ fhalbh e an uair a chuala e sin—dh’fhàg e beannachd aice, agus ràinig e muinntir na Féinne, agus Fionn bràthair a mhàthar. Bha flàth agus fàilt aca roimh Dhiarmaid, an uair a ràinig e, ach bha mio-run aca ris a thaobh gu’n tàinig am boirionnach dh’an ionnsuidh-san an tòiseach, ’s gu’n do chuir iad cùl rithe ’s gu’n do ghabh esan roimpe, ’s gu’n do thionndaidh a’ chùis a mach cho maith. Bha ise a muigh an déidh dha-san falbh, agus dé chunnaic i ach fear a’ tighinn ann an cabhaig mhoir. Smaointich i an so fuireachd a muigh gus an tigeadh e. Dh’fhuirich i a muigh gus an tàinig 29. 111. 42; W. H. Tales, II., No. 28, Rudha na Sirich. Cù Dubh Mhic a Phi, Scottish Celtic Review, i. 262, 1882. [TD 216] e, agus co bha an so ach Fionn. Chuir e fàilte oirre, ’s rug e air làimh oirre. “Tha miothlachd agad rium, a’ righinn.” “O chan’eil sgath, ’Fhinn, thig a stigh ’s gu’n gabh thu deoch uam.” “Théid mi an sin, ma gheabh mi m’iarradas.” “Dé’n t-iarradas a bhitheadh an so nach fhaigheadh thusa?” “Is e sin fear de na cuileanan a tha aig an t-saighead mhiol-choin.” “O! cha mhór an t-iarradas a dh’ iarr thu: am fear a’s roghnaiche leat fhéin a th’ ann, thoir leat e.” Fhuair e so, agus dh’ fhalbh e. Am beul na h-oidhche, thàinig Diarmaid. Choinnich an t-saighead mhiol-choin a muigh e ’s leig i sgal aisde. “Is fìor e, a ghalad! dh’ fhalbh fear de do chuileanan, ach nam bitheadh cuimhne agad-sa mar a fhuair mise thusa an uair a bha t’fhalt us t’fhionna sìos gu do shàiltean, cha do leig thu an cuilean air falbh.” “A Dhiarmaid! gu dé thuirt thu mar siod?” “O!” arsa Diarmaid, “tha mi ’g iarraidh maitheanais.” “O! gheabh thu sin.” Chaidil e a stigh an oidhche sin, agus bha a bhiadh ’s a dheoch mar a b’ àbhaist. An la’r-na-maireach dh’ fhalbh e far an robh e an dé. An uair a bha esan air falbh, chaidh ise a mach a ghabhail sràid. Neas a bha i a’gabhail sràid, gu dé chunnaic i ach marcaiche a’ tighinn far an robh i. Rinn i stad a mach gus an d’ràinig e i. Co ràinig i an so ach Oisein Mac Fhinn. Chuir [TD 217] iad fàilte a’s flàth air a chéile. Thuirt i ris dol a stigh leatha, ’s gu’n gabhadh e deoch uaithe. Thuirt e gu’n rachadh nam faigheadh e a iarradas.* “Gu de an t-iarradas a th’ agad?” “Fear de chuileanan na saighead mhiol-choin.” “Gheabh thu sin: thoir leat do roghainn diubh.” Thug e leis e agus dh’ fhalbh e. Am beul na h-oidhche, thàinig Diarmaid dachaidh. Choinnich an t-saighead mhiol-choin a muigh e, agus leig i dà sgal aisde. “Is fìor sin, a ghalad! thugadh fear eile uait, ach nam bu chuimhne leatha-se mar a fhuair mise i, cha leigeadh i fear de do chuileanan air falbh, an uair a bha a falt ’s a fionna a sìos gu a sàiltean.” “A Dhiarmaid! gu dé thuirt thu?” “Tha mi ag iarraidh maitheanais.” “Gheabh thu sin.” Rug iad air làmhan air a chéile, ’s chaidh iad dachaidh comhla, ’s bha biadh a’s deoch an oidhche sin ann, ma bha e riamh ann. Anns a’ mhaduinn, dh’ fhalbh Diarmaid: treis an déidh dha falbh, bha ise a muigh a’ ghabhail sràid. Chunnaic i marcaiche eile a’tighinn an diugh agus e ann an cabhaig mhoir. Smaointich i gu’m fuireachadh i gun dol dachaidh gus an tigeadh e air aghaidh. Gu dé bha an so ach fear eile de’n Fhéinn. Chaidh e le briathran modhail a dh’ ionnsuidh na righinn òig, ’s chuir iad flàth a’s fàilte air a chéile. * Tha cead aig gach aoidh ni sam bith ’iarraidh air fear an tìghe, agus tha e mar fhiachaibh air fear an tighe a iarradas a thoirt da mu’n diùlt an t-aoidh a aoidheachd agus gu’m bitheadh sin ’na mhasladh do fhear an tighe. [TD 218] Thuirt i ris dol dachaidh leatha ’s gu’n gabhadh e deoch uaithe. Thuirt e gu’n rachadh nam faigheadh e a iarradas. Dh’fhoighnich ise an uair sin gu dé an t-iarradas a bhiodh an sin. “Fear de na cuileanan aig an t-saighead mhiol-choin.” “Ged is cruaidh leam e, bheir mi dhuit e.” Chaidh e leatha chun a’chaisteil, ghabh e deoch, fhuair e an cuilean ’s dh’ fhalbh e. Am beul na h-oidhche, thàinig Diarmaid. Choinnich an t-saighead mhiol-choin e, ’s thug i tri sgalan aisde bu ghrandacha chuala duine riamh. “Seadh, is fhìor e, a ghalad! tha thusa gun ghin an diugh: ach nam bu chuimhne leatha-sa mar a fhuair mise i, cha leigeadh i an cuilean air falbh—an uair a bha a falt ’s a fionna a sìos gu a sàiltean, cha dèanadh i sin orm-sa.” “A Dhiarmaid! gu dé thuirt thu?” “O! tha mi ag iarraidh maitheanais.” Chaidh e dhachaidh. Bha e gun bhean ’na leabaidh leis mar a bha e riamh, agus gu’m b’ann ann am poll mònadh a dhùisg e a maireach. Cha robh caisteal ann, no clach a lathair dheth air a chéile. Thòisich e air caoineadh, ’s thuirt e ris fhéin nach deanadh e stad chinn no choise gus am faigheadh e i. Ghabh e air falbh, ’s gu dé rinn e ach tarsuing glinn’ a ghabhail. Cha robh tigh no eile [eibhleag?] a’ tachairt air. Thug e sùil thairis air a ghuallainn as a dhéidh, ’s bha an t-saighead mhiol-choin an déidh bàs fhaotainn. Rug e air earball oirre, ’s chuir e thar a ghuallainn i, ’s cha dealaicheadh e rithe leis a’ ghaol a bha aige oirre. Bha e falbh, ’s gu de [TD 219] chunnaic e os a chionn ach buachaille. “Am faca thu aona bhoirionnach an diugh no an dé a’gabhail an rathaid so?” arsa Diarmaid ris a’ bhuachaille. “Chunnaic mise boirionnach moch ’sa’ mhaduinn an dé agus i a’ coiseachd gu teann,” ars am buachaille. “Co an rathad a chunnaic thu i a’ dol?” “Ghabh i sìos an rudha sin aig a’ chladaich, agus chan fhaca mise tuilleadh i.” Ghabh e a’ cheart rathad a ghabh i gus nach robh dol na b’fhaide aige. Chunnaic e soitheach. Chuir e ceann caol a shleagh r’a uchd, ’s leum e innte ’s chaidh e gus an taobh eile. Leig e [e] féin ’na shìneadh taobh cnoic, agus chaidil e. An uair a dhùisg e, cha robh soitheach r’a fhaicinn. “Is truagh an duine mi: chan fhaigh mi ás a so am feasd, agus chan’eil comas air.” Shuidh e air cnoc ’s cha robh e fad an sin, an uair a chunnaic e bàta a’ tighinn agus aon duine ’na broinn, agus e ’ga h-iomram. Ghabh e sìos far an robh i, rug e air an t-saighead mhiol-choin, chuir e a stigh i, ’s chaidh e fhéin as a dhéidh. Ghabh am bàta an siod sìos a mach air a’ mhuir, ’s ghabh i sìos fodha, ’s cha d’rinn e ach dol sìos, an uair a chunnaic e grunnd agus machair air am faodadh e coiseachd. Chaidh e air tìr ’s ghabh e air aghart. Cha robh e ach treis a’ coiseachd, an uair a thachair balgam fala* ris. Thog e an fhuil ’na neapaiginn, ’s chuir e ’na phoca i. “Is i an t-saighead mhiol-choin a chaill so,” ars esan. Bha e treis a’ * Faic “Na Tri Coin Uaine,” Celtic Monthly, Sept., 1916; Glaistig Lianachain, Celtic Review, V. 253. Clann an Rìgh fo Gheasaibh. An Sgeulaiche, III., 70. [TD 220] coiseachd, agus thachair an ath bhalgam ris, ’s thog e e ’s chuir e ’na phoca e. Thachair an treas fear air ’s rinn e a leithid eile air. Gu dé chunnaic e treis uaidh ’na dhéidh sin ach boirionnach ’s i air a’ chaothach a’ buain luachrach. Ghabh e dha h-ionnsuidh, ’s dh’fhoighnich e dhi gu de an naigheachd a bha aice? “Chan urrainn mi innseadh gus am buain mi an luachair.” “Bi ’ga innseadh dhomh, neas a bhios tu ’ga buain,” arsa Diarmaid. “Tha cabhag mhór orm,” ars ise. “Gu dé an t-àite a tha an so?” ars esan. “Tha an so,” ars ise, “Rìoghachd-fo-Thuinn.” “Rioghachd-Fo-Thuinn?” “Seadh,” ars ise. “Gu dé am feum a tha agad air luachair an uair a tha thu ’ga buain?” “Innsidh mi sin duit. Tha mi ag aithneachadh gur coigreach thu.” “Seadh, fìor choigreach.” “Tha Nighean Rìgh-Fo-Thuinn air tighinn dachaidh ’s bha i seachd bliadhna fo gheasan, agus tha i gu h-olc, ’s tha leighean na Crìosdachd air cruinneachadh, ’s chan’eil gin aca a’dèanamh feum di, agus is e leabaidh luachrach a’s fallainne a tha i a’ faotainn.” “Ma ta, bhithinn fada ’nad chomain nam faiceadh thu mi fhéin far am bheil am boirionnach sin.” “Ma ta, chì mi sin, cuiridh mi ’sa’ bhoitein luachrach thu, ’s cuiridh mi an luachair fodhad a’s tharad,* ’s bheir mi leam air mo mhuin thu.” * Faic Sgeulaiche nan Caol, t-d, 173. [TD 221] “Sin rud nach urrainn thu a dhèanamh.” “Bitheadh sin orm féin.” Chuir i Diarmaid anns a’bhoitein, ’s thug i leatha air a muin e! (Nach b’i mo chaileag i!) An uair a ràinig i an seomar, leig i as am boitein. “O! greas sin dha’m ionnsuidh,” arsa Nighean Rìgh-Fo-Thuinn. Leum esan as a’bhoitein, leum e ’na coinnimh-se, ’s rug iad air làmhan air a chéile, ’s bha gàirdeachas an sin. “Dh’ fhalbh tri trianan de’n bhochduinn, ach chan’ eil mise gu maith ’s cha bhi. A h-uile h-uair a bha mi smaointeachadh ort-sa an uair a bha mi ’tighinn, chaill mi balgam de fhuil mo chridhe.” “Ma ta, tha tri balgamannan de dh’fhuil do chridhe agam-sa—gabh thusa air deoch iad, ’s cha bhi cnead ort.” “Ma ta, cha ghabh, cha dèan iad sgath de mhaith dhomh o nach fhaic mi aon rud ’s chan fhaic mise sin air an t-saoghal.” “Gu dé an rud a tha an sin?” ars esan. “Chan ’eil maith dhomh sin ’innseadh duit-se; chan fhaigh thu e no duine air an t-saoghal, dh’ fhairtlich sin orra o chionn fada.” “Ma tha e air uachdar an t-saoghail, gheabh mise e, ’s innis thusa e.” “Is e sin tri deochannan á cupa Rìgh Magh an Ioghnaidh, ’s cha d’fhuair duine sin riamh ’s chan fhaigh mise e.” “Gheabh mise e,” arsa Diarmaid, “’s chan’eil air uachdar an t-saoghail na chumas uam e. Innis domh-sa am bheil an duine sin fada uam?” “Chan’eil: tha e ann an crìch ri m’athair, ach [TD 222] tha allt ann, ’s tha seòladh là a’s bliadhna aig soitheach ann le soirbheas ’na déidh mu’n ruig thu e.” Dh’ fhalbh e ’s ràinig e an t-allt. Thug e treis mhaith a’ coiseachd taobh an uillt. “Chan urrainn domh-sa faighinn a null oirre [air?], is fhìor di siod.” Mu’n do leig e am facal ás a bheul, sheas duine beag ruadh am meadhon an uillt. “A Dhiarmaid Mhic Duibhne, tha thu ann ad éigin.” “Tha mi ann am éigin an ceartuair.” “Gu dé bheireadh thusa do dhuine bheireadh ás an éigin thu? Thig a nall—cuir do chas air mo bhois-sa.” “O! chan urrainn do m’chois ann ad bhois-sa.”* “Is urrainn!” Dh’fhalbh e, agus chuir e a chas air a bhois. “A nis, a Dhiarmaid, is ann chun Rìgh Magh an Ioghnaidh a tha thu ’dol.” “An leobhra, is ann.” “Is ann a’dol a dh’iarraidh a ’chupa a tha thu?” “Is ann.” “Théid mi fhéin leat.” “Théid.” †[“An toir thu mise a stigh leat?” “Bheir.” * Anns an L.S., “O chan urrainn do d’bhois aunn a’m’ chois-sa.” † Na bheil eadar an dà dhìg, b’eudar a chur a stigh gus a’chuid nach tàinig de’n sgeul a dhèanamh na’s follaisich. [TD 223] “An dèan thu iomradh orm ann an tigh an Rìgh, Rìgh Magh an Ioghnaidh?” “Ni.” Thug an duine beag ruadh an t-aiseag dha, ’s ràinig iad an tìr thall. Ach am beul na h-oidhche, nuair a bha iad a’ falbh rompa am measg chreagan, thàinig ceò tiugh druidheachd orra, agus an uair a dh’fhalbh an ceò, cha robh mìr de’n duine bheag ruadh an làthair, agus cha robh an corr cuimhne aig Diarmaid air.] Ràinig Diarmaid tigh Rìgh Magh an Ioghnaidh. Dh’éigh e an cupan a chur a mach, no cath airneo comhrag. Siod an rud a gheabhadh e, cath airneo comhrag, ’s cha b’e an cupan. Chuireadh a mach ceithir cheud lùgh-ghaisgeach, agus ceithir cheud làn-ghaisgeach, agus ann an dà uair, cha d’ fhàg e duine beò dhiubh. Dh’éigh e a rithisd cath, airneo comhrag, no an cupan a chur a mach. Siod an rud a gheabhadh e, cath airneo comhrag, ’s cha b’e an cupan. Chuireadh a mach ochd ceud lùgh-ghaisgeach, agus ochd ceud làn-ghaisgeach, agus ann an tri uairean, cha d’fhàg e duine beò dhiubh. Dh’éigh e a rithisd, cath airneo comhrag, airneo an cupan a chur a mach d’a ionnsuidh. Chuireadh a mach naoidh ceud lùgh-ghaisgeach, agus naoidh ceud làn-ghaisgeach, agus ann an ceithir uairean, cha d’fhàg e duine beò dhiubh. “Co ás,” ars an Rìgh, agus e a’seasamh anns an dorusd mhòr aige fhéin, “a thàinig an duine a [TD 224] tha an déidh mo rìoghachd a sgrios? Ma’s e toil a’ghaisgich e, innseadh e co ás a thàinig e.” “Is e toil a’ ghaisgich e—gaisgeach de mhuinntir na Féinne a tha annam-sa—is mise Diarmaid.” “Carson nach do chuir thu bràth a stigh co a bh’ann, ’s cha chosdainn-sa mo rìoghachd riut, ’s gu’m marbhadh tu a h-uile duine dhiubh, chionn bha e air a chur a sìos anns na leabhraichean seachd bliadhna mu’n do rugadh thu. Gu dé tha uait?” “Tha an cupa—thig e o do làimh fhéin airson leighis.” “Cha d’fhuair duine riamh mo chupa-sa ach thu fhéin, ach is furasda dhomh-sa cup a thoirt duit; ach chan’eil airson leighis ach an cup a bhios agam fhéin mu’n bhòrd.”—Fhuair Diarmaid an cupan o Rìgh Magh an Ioghnaidh. “Cuiridh mise a nis, a Dhiarmaid, soitheach leat,” ars an Rìgh. “Taing mhòr duit-sa, a’ Rìgh, tha mise mòran ann ad chomain, ach tha an t-aiseag agam fhéin.” Dhealaich Diarmaid agus an Rìgh an so ri a chéile. Chuimhnich e an uair a dhealaich e ris an Rìgh, nach tug e guth air an duine bheag ruadh idir an dé, ’s nach tug e a stigh e. Is ann an uair a bha e tighinn dlùth air an allt a smuainich e air. Cha robh fios aige a nis dé mar a gheabhadh e thar an uillt. “Chan’eil àrach air,” ars esan, “chan fhaigh mise nis a null thar an aisig, ’s cha leig an nàire dhomh tilleadh tuilleadh chun an Rìgh.” Gu dé dh’éirich agus am facal a’ tighinn á a bheul ach am fear beag ruadh as an allt. “Tha thu a’d éigin, a Dhiarmaid.” [TD 225] “Tha.” “Is ann an diugh a tha thu ’nad éigin, a’ Dhiarmaid.” “Is ann. Fhuair mi an rud a bha dhìth orm ’s chan’eil mi ’faighinn a null.” “Ged a rinn thu orm na rinn thu [ged] nach tug thu iomradh orm an dé, cuir do chas air mo bhois, ’s bheir mi a null thu.” Chuir Diarmaid a chas air a bhois, ’s thug e a null thar an uillt e. “Dèanadh tu bruidhinn riums’ a nis, a Dhiarmaid.” “Ni,” arsa Diarmaid. “Tha thu ’dol a leigheas Nighean Rìgh-Fo-Thuinn, is i nighean is docha leat air an t-saoghal.” “O! is i.” “Gabhaidh tu a dh’ionnsuidh a leithid so de thobar. Gheabh thu botul ri taobh an tobair, agus bheir thu leat a làn de dh’ uisge. An uair a ruigeas tu an righinn, cuiridh tu an t-uisge ann an cupan ’s balgam fala ann, ’s òlaidh i e. Lìonaidh tu a rithisd e, ’s òlaidh i e. Lìonaidh thu an treas uair e, ’s cuiridh thu an treas balgam fala ann, ’s òlaidh i e, ’s cha bhi cnead oirre an uair sin. An uair a bheir thu am fear mu dheireadh dhi, agus a bhios i gu maith, is i is lugha ort a chunnaic thu riamh mu d’ choinnimh.” “O! chan i.” “O! is i. Aithneachaidh an righinn gu’n do ghabh thu gràin di. Their i, ‘a Dhiarmaid, tha thu ’gabhail gràin diom.’ Abair thusa gu’m bheil. Am bheil fios agad dé’n duine a tha bruidhinn riut?” ars an duine beag ruadh ri Diarmaid. [TD 226] “Chan’eil,” arsa Diarmaid. “Th’ annamsa teachdaire o’n t-saoghal eile, chionn do sheòladh, a thaobh do chridhe bhi cho blàth gu leum a dheanamh do dhuine eile. Thig Rìgh-Fo-Thuinn, agus tairgidh e móran airgid agus òir duit airson a nighean a leigheas. Cha ghabh thu sgath, ach an Rìgh a chur long [luinge?] leat do dh’ Eirinn, gus an àite as an tàinig thu.” Dh’fhalbh Diarmaid. Ràinig e an tobar, agus fhuair e botul, agus lìon e de’n uisge e. Thug e leis e agus ràinig e caisteal Rìgh-Fo-Thuinn. An uair a thàinig e, chuireadh flàth a’s fàilt air. “Cha d’ fhuair duine an cupan ud riamh roimhid,” ars ise. “Gheabhainn-se e o na bha air uachdar an t-saoghail, cha robh duine ri tilleadh a chur orm,” [arsa Diarmaid]. “Bha duil’ am nach fhaigheadh thu e, ged a dh’ fhalbh thu, ach tha mi faicinn gu’n fhuair thu e.” Chuir e balgam fala anns an uisge anns a’ chupan ’s dh’òl i e. Dh’òl i an darna h-aon, ’s dh’òl i a treas h-aon, ’s an uair a dh’òl i an treas h-aon cha robh cnead oirre—bha i gu slàn fallainn. An uair a dh’fhàs i an so gu maith, ghabh esan an gràin oirre; is gann a dh’ fhuilingeadh e a faicinn. “A Dhiarmaid!” ars ise, “tha thu a’gabhail gràin orm.” “O! tha.” Chuir an righinn* an so fios feadh a’ bhaile, * Anns an eadar-theangachadh aig Iain Og Ile, is e an Righ ’s cha b’e an righinn a rinn so. [TD 227] gu’n do leighseadh i, ’s thogadh ceòl ’s leagadh bròn. Thàinig an Rìgh far an robh Diarmaid ’s thuirt e ris, “Gabhaidh tu a nis an uiread so de chunntas airgid airson a leighis ’s gheabh thu i fhéin ri a pòsadh.” “Cha ghabh mi an righinn, ’s cha ghabh mi ni sam bith ach soitheach a chur leam do dh’ Eirinn, far am bheil an Fhéinn cruinn.” Dh’ fhalbh soitheach leis, ’s ràinig e an Fhéinn agus bràthair a mhàthar, agus bha gàirdeachas roimhe an sin, agus toil-inntinn gu’n do thill e. From Roderick MacLean, Tailor, Ken Tangval, Barra, who heard it frequently recited by old men in South Uist, about fifteen years ago. One of them was Angus MacIntyre, Bornish, who was about 80 years of age at the time. [Fios tha so a chaidh a thoirt seachad le Eachann Mac-Gilleathain.]