[TD 1] [CUIRTE AMACH FO CHURAM COMUINN CAITLICEACH BHREATUINN.] TEISTEANAS NAN EASBUIGEAN CAITLICEACH Fir-ionaid nan Ostal us an Co-chuidichean AM BREATUINN. A CHIAD CHLOBHUALADH [Stampa] LUNNAIN: CLO-BHUAILTE AIRSON COMUINN CAITLICEACH BHREATUINN. C. RICHARDS, 100, ST. MARTIN’S LANE. [TD 2] ROI-RADH. NAR a ghabhas sinn beachd air na sgeulan-brèige a thathas a’ sgaoileadh gu dian agus gu farsuinn feadh na rioghachdsa an aghaidh a’ chreidimh Chaitlicich, cha’n urrainn sinn gun a bhith fo ioghnadh. Ach tha ar n-iongatas a’ laghdachadh, nar bheir sinn fonear, gu ’n robh beusan Chriosta fhein fo mhìchliu aig daoine: bhathas a’ cur air gu ’n robh e a’ labhairt blaisbheum, gu ’n robh e a’ bristeadh na sàbaid, ’s gu ’n robh e a’ bacail cìs a phàidheadh do Shèasar:* gu ’n robh ostail us deisciobuil Chriosta fo mhìchliu, bhathas a’ cur as an leth, blaisbheum an aghaidh Mhaois ’s an aghaidh Dè, bhith togail buairidh am miosg an t-sluaigh, mailleri ioma cionta ghàbhaidh eile, gun dad do chomhdach;† agus ann an ciad linntean na h-Eaglaise b’i an dòigh chumonta na Criostuinean a chur fo mhìchliu. B’i chiad ionnsuidh a bheirte air na Criostuinean briagan a thogail orra, is culaidh-mhagaidh a dhianamh dhiu, an sin geurleanmhuinn a dhianamh orra, agus cha ’n e amhàin an còirichean ’s an dlighean laghail a thoirt uapa, ach an creachadh us an cur gu bàs gun mheachuinn. Bhathas a’ cur iodhol-aoradh as an leth, mailleri ioma gniomh fuilteach oillteil, is ciontan fuathasach, agus sin nan aoradh diadhaidh fhein. An aon fhacal, bha an creideamh uile air a dhìteadh mar shuidheachach faoin ’s mar shaobh-cràbhadh, gun stèidh reusoin. Thug naomh Justin agus Tertuillean, nan Dìon air a’ Chreideamh Chriostail, ionnsuidh air a’ chèo-bhrèige so sgapadh, le fior theagasg us fàithnean a’ chreidimh Chriostail a shoilleireachadh, mailleri cuid de ghnàthan diadhaidh a mhìneachadh. Leig iad fhaicinn nach robh sna sgeulan briagach millteach sin an iomadaidh càs ach lionsgaradh soilleir miarailteach a’ chreidimh Chriostail aicheadh, air cridheachan an t-sluagh a thogail gu mìorun na aghaidh, ag ràdh, gu’n robh an teagasg ud mi-reusonta us mi-dhiadhaidh, us gu’m b’iad a luchd-aidich cinn-aobhair h-uile truaighe chumonta. Bha Naomh Uistein a’ gearan air na tuaileasan a bha na Manichéich ’s na Donaitich a’ sgaoileadh an aghaidh na h-eaglaise Caitlicich na thìm fhein; dh’ aidich e gu h-iriosal brònach, gu na tharruing e fhein na h-airm chiadna an aghaidh na h-eaglaise, nar bha e leanailt a chiad sheòrsa de na h-eiricich sin,‡ us ghabh e ris gu ’n robh e nuair sin gu dall, dàna, mearachdach a’ cur as leth na h-eaglaise Caitlicich teagasg us barailean, nach deach a theagasg, a chreidsinn, no chumail leatha riamh, mar a thuig e an déigh sin. Is aobhar bròin us gearain do Chaitlicich Bhreatuinn gu bheil an teagasg, ’s na nòsan diadhaidh sin, a tha ’n eaglais aca ag iarraidh orra, mar Chaitlicich, a chreidsinn ’sa chumail, gu fuathasach air am mì-bhreithneachadh, (Mat. xxvi. 65. Marc. iii. 22. Eoin ix. 16. Luc. xxiii. 2) anns an rioghachdsa, gu ro mhillteach dha ’n creideamh maraon ’s dha ’n cothrom saoghalta. Tha iad dearbh-chinnteach gu bheil mòran de ’n fheadhainn, a tha † Gniomh. vi. 11.—xxiv. 5.—xxv. 7. ‡ Gaudens erubui; non me tot annos adversus Catholicam fidem, sed contra carnalium cogitationum figmenta latrâsse. [TD 3] cur nan aghaidh a thaobh an creidimh, a’ saoilsinn, le cion rannsachaidh, gu bheil an eaglais Chaitliceach ga rìreamh a’ teagasg h-uile ni a tha an naimhdean ag ràdh a tha i teagasg: ’sa dianamh dheth gu bheil aicese ri freagairt airson h-uile barail thuathail us saobh-chràbhadh a th’ aig gach neach a tha dol fo ainm Caitlicich. Tha sinn an dòchas gu ’n toir h-uile h-aon, anns a bheil gaol na fìrinn, no tlus na carrannachd, cluas dheònach do theisteanas treibhdhireach an co-luchd-dùthcha Caitliceach, agus nach càraich iad chaoidh air an creaideamh puingean no cleachdannan nach ’eil iad mar Chaitlicich a’ creidsinn no cumail, agus a tha ’n eaglais aca a’ díteadh mar mhearachdan no mar mhi-ghnàthachadh. Anns an dòchas ’s anns an impidh so, thug Caitlicich Bhreatuinn teisteanas seachad gu tric air am puingean creidimh, agus dh’fhiach iad, le soilleireachd, a tha iad a’ smaoineachadh, a làn-thoilich, gach aon a thug sùil air, nach ’eil iad a’ cumail puingean sa bith creidimh, no barail sa bith a tha tighinn bho na puingean sin, nach ’eil tur air rèir nan dleasnasan naomh a th’aca, mar Chriostuinean ri dhianamh do Dhia Uilechumhachdach, air rèir chuile dleasnais a bhuineas daibh, mar iochdrain, a thort do ’n rìgh, ’s do riaghailtean suidhichte na rioghachd, agus air rèir a chuile dleasnais caidreach a bhuineas do cho-luchd-dùthcha a thoirt dha chèile, a dh’aon aidmheil ge ’m bi iad. Bha iad a’ toirt a chreidsinn orra fhein, gu’m biodh a liuthad mìneachadh aonsgeulach, a thugadh seachad martha air an creideamh, ann an aideachaibh folluiseach air a’ chreideamh Chaitliceach, ann an leabhraichean-cheisda Caitliceach, ann an barantasan lionar dearbhte, agus ann an teisteanasan air an daingneachadh le mionnan, air foghnachdainn gus a h-uile droch thuairisgeul air an creideamh a chur sàmhach. Ach tha e cur duilichinn orra gu bheil roinn do mhearachdan cronail air puingean àraid do’n chreideamh Chaitliceach a’ friamhachadh gu truagh fhathast an cridheachan mhòrain leis am bu mhath leo bhith rèidh us am barail mhath a chosnadh; ’sann le mulad a tha iad a’ cluinntinn a dh’aindeoin a h-uile teisteanas thug iad seachad air a chaochla sin, gum beil iad fhathast air an comharrachadh a mach gu folluiseach mar dhaoine aig a bheil creideamh mearachdach, an aghaidh sgriobtuir us reusoin—a’ stèidheachadh an creidìmh air ughdarras dhaoine, ’s nach ann air facal Dè;—na naimhdean do chraobhsgaoileadh ’s do leughadh an sgriobtuir Naoimh—coireach ann an iodhol-aoradh ann an ìobairt na h-aifrinn, ann an aoradh na h-Oighe Moire, mar theirear ris, agus ann an aoradh a thoirt do na Naoimh, do dhealbhan Chriosta ’s nan Naomh; agus ciontach an saobh-chràbhadh le bhith ’g achanaich ris na Naoimh, ’s a’ guidhe airson nan anaman a tha ’m purgadair: a’ glacadh gu ladarna cumhachd Dhiadhaidh ann am mathadh pheacannan, agus a’ cur cuing na faoisid air an t-sluagh—a’ toirt cead peacachadh le laghadh-eaglaise—a’ cur suarach bristeadh mhionnan—a’ roinn an dìlseachd eadar an righ ’s am Pàpa—ag agairt còrach air maoin na h-eaglaise suidhichte—a’ cumail na puing an-iochdar, nach ’eil sàbhaladh an taobh muigh na h-eaglaise aca fhein, agus nach ’eil cumhnanta ri chumail ri eiricich. [TD 4] Cha ’n urrainn duinn a thuigsinn carson a bhiodh puingean àraidh creidimh a chumail, aig nach ’eil gnothach ri dleasnasan rioghachd no coimhearsnaich, codhiù a ghabhar na puingean sin anns an t-seagh-bhrèige a tha daoine eile a’ toirt asda, no san t-seagh aonsgeulach anns a bheil na Caitlicich gun tuigsinn, air an dianamh nan cùis dhìtidh air Caitlicich Bhreatuinn, leosan gu h-àraid a tha gabhail cead dhaibh fhein na thogaras iad a smaoineachadh ann an cùisibh creidimh. Tha e duilich a thuigsinn carson a bhiodh fior phuingean creidimh nach eil an seòl air bith a’ buntuinn ris na dleasnasan, a tha dligheach dha ’n rìgh ’s dha ’n co-luchd-dùthcha bho na Caitlicich, air an toirt fos cionn bùird idir nar a tha cheisd mu dhèidhinn nan còirichean ’s nan dlighean a tha iad a’ tagairt mar iochdrain Bhreatuinneach. Is fada tha sinn an geall, gu’n ionnsuicheadh iadsan a tha cho àrd a’ labhart an aghaidh mearachdan us saobh-chràbhaidh na pápanachd, mar a their iad; bho na Caitlicich fhein an toiseach, le ’n ceasnachadh, fìor bhrìgh agus mhìneachadh nam pong sin mu na labhair sinn, agus de an seagh a tha na Caitlicich a’ toirt as na briathran leis a bheil iad a’ cur an creidimh an cèill. Chitheadh iad ma dh’fhaoidhte gu’n robh iad uige so a’ gleachd, cha ’n ann an aghaidh a’ chreidimh Chaitlicich, ach an aghaidh breislichean an cinn fhein, no an aghaidh mìneachaidh cearr a tha iad fhein a’ toirt do chainnt na h-eaglaise Caitlicich. Ged is leòr mhòr leinn am mìneachadh a thugadh seachad roimhe so air creideamh nan Caitliceach gu breithneachadh-brèige a cheartachadh, ’s gu droch thuairisgeulan an aghaidh ar teagaisg a chur sàmhach, an dèigh sin bho na dh’innse’ dhuinn gum faodadh teisteanas soilleir fìrinneach a chuirte a mach an dràsda air ar fìor aidmheil sna puingean sin a tha fhathast cho fad’ air an dubharachadh ’s air an togail cearr, còrdadh nas fhearr a chur air a bhonn am miosg iochdrain an rìgh, agus creideamh us carrannachd a mhiadachadh; ime sin tha sinne, na tha fo-sgriobte Easbuigean Caitliceach, Fir-ionaid nan Ostal us an Co-chuidichean am Breatuinn, a’ faicinn iomchuidh an Teisteanas a leanas a chur a mach ann an dòchas gu’n gabhar e, leis gach aon a leughas e, le urad ghaoil air an fhìrinn, ’s le dùrachd cho math ’sa thathas ga thoirt seachad. I. EARRANN. Sealladh coichionta air na puingean creidimh a tha ’n eaglais Chaitliceach ag aideach’. THA puingean creidimh na h-eaglaise Caitlicich gu tric air an cunntadh mearachdach, an aghaidh sgriobtuir us reusoin. Tha na puingean sin uile, ’s na puingean sin amhàin, a th’air an taisbeanadh le Dia Uilechumhachdach, nam puingean creidimh Caitlicich. Cud sa bith th’air a shoillseachadh le Dia, aig a bheil fios air a h-uile ni, mar a tha iad unnta fhein, ’s nach urrainn sinne a mhealladh le briagan a theasgasg dhuinn an àite na fìrinn, feumaidh e bhith fior agus cinnteach; ge do bhiodh e tur fos cionn tuigse chreutairean cruthaichte. [TD 5] Air ughdarras taisbeanaidh Dè, tha an Caitliceach a’ creidsinn, mar phuingean creidimh, gu bheil ann an aon Dia tri pearsannan air leth, an t-Athair, am Mac, ’s an Spiorad Naomh; gur e Iosa Criost, a fhuair bàs air a’ chrois gu sàbhaladh chlann-daoine, an dàrna pearsa do ’n Trionaid Bheannuichte, fior Dhia agus fior dhuine; nach eil mathanas pheacannan, no sàbhaladh ach as a lethsan; gu bheil sàcramaidean a’ bhaistidh agus an aithreachais air an òrdduchadh le Dia mar mhiadhonan mathanais a’ pheacaidh; gu bheil san aifrinn, ìobairt fhìrinneach, cheart, agus rèitich air a tairgse do Dhia airson bheothaibh is mharbhaibh; gu bheil na h-anamannan ann am purgadair a’ faotuinn cobhair bho urnaighean nan creidmheach; gu bheil na naoimh an glòir mailleri Criost ri onoir thoirt daibh ’s ri ’n guidhe; gu’n togar air an là’ dheireannach ar colunnan bho’n bhàs, ’s gu’n tig Criost a thoirt breitheanais air a’ chinne-daonnda air rèir an oibrichean; gur e sòlas siorruidh duais nan daoine matha, agus dòruinn shiorruidh pian nan daoine molluichte. Ma tha iad so agus puingean eile do’n chreideamh Chaitliceach air an taisbeanadh ga rìreamh le Dia Uilechumhachdach, cha ’n eil iad mearachdach, ach uile fior, agus uile cinnteach—cha ’n eil iad an aghaidh sgriobtuir, ach air rèir fior sheagh facail sgriobhte Dè—cha’n eil an creidsinn mi-reusonta, chionn tha e reusonta an ni a tha fior, agus air a theagasg le Dia na fìrinne a chreidsinn. Tha’n Caitliceach làn dhearbhte gu bheil uile phuingean a chreidimh air an taisbeanadh ga rìreamh le Dia Uilechumhachdach. Nach eil e ceadaichte dha bhith sa bheachd so, cho math ’sa tha e ceadaichte do fheadhainn eile a bhith air a’ chaochla inntinn; ’s gu h-àraidh san rioghachdsa, far a bheil saorsuinn inntinn air a teagasg ’s air a mholadh cho àrd? Am beil e giùlan reusoin no carrannachd esan a dhìteadh as leth a’ bheachd so, ’s gu’m faod a bheachd a bhith stèidhichte air grunnd daingeann, ’s fhaireachdainn gu bheil a shàbhaladh siorruidh an earbsa ri creidsinn gu daingeann gach puing creidimh a theagaisg Criost? II. EARRANN. Air na comhdaichean cinnte, th’aig Caitliceach, gu bheil na puingean uile a tha e creidsinn, mar phuingean Creidimh Caitlicich, gu firinneach air an taisbeanadh le Dia Uilechumhachdach. THATHAS a’ cur gu tric as leth nan Caitliceach gu bheil iad a’ stèidheachadh an creidimh tur air ughdarras dhaoine, ’s nach ann air facal Dé. Tha na Caitlicich ag aicheadh so, thaobh ’s gu bheil iad cinnteach gu bheil an creideamh air a stèidheachadh air facal Dè, air a chur an cèill daibh le ughdarras nan daoine a dh’ òrduich Chriost ’sa chuir a mach gus na puingean a thaisbean e a theagasg dha’na h-uile cinneach. Tha an Caitliceach a’ creidsinn h-uile puing a thaisbean Dia. A’ cheisd, cud iad na puingean sin a thaisbean Dia, is ceisd GNIOMHA i mu chud a thachar. Tha e a’ giùlan reusoin gur ann le neart teisteanais rachadh gniomh a chòmhdach. [TD 6] Tha suim nan teagasgan, nam fàithnean, ’s nan riaghailtean a liubhair Criosta dha na h-ostail, a’ dianamh suas an lagh ùir no Chriostail; mar a rinn suim nan teagasgan, nam fàithnean, ’s nan riaghailtean a chaidh liubhairt leis an Uilechumhachdach do Mhaois, suas an seann lagh. Tha eòlas fìrinneach cinnteach air an dh’òrduichear le lagh sa bith, air chur an cèill, ’s air fhaotuinn am bichiontas a mach, le follaiseachd ughdarrail an lagha. Le òrdugh Dè thugadh eòlas do chloinn Israeil, ’s do phobull nan Iùthach air teagasgan us fàithnean an t-seann lagha le Maois ’s leis na sagairt ’s an luchd-leanmhuinn gu crìch an lagha. Le òrdugh Dè, bha teagasgan us fàithnean an lagh’ ùir ri’n dianamh folluiseach da na h-uile cinneach, anns na h’uile linn, leis na h-ostail ’s an luchd-leanmhuinn gu criochnachadh an t-saoghail. Air ughdarras spioradail nan ostal ’s an luchd-leanmhuinn, a bha air an òrduchadh le Dia gu lagh Chriost’ a shoilleireachadh ’sa theagasg do ’n h-uile rioghachd, agus air teisteanas, creideamh, us cleachdadh cumonta aonsgeulach nan eaglaisean Chriostail uile bho thoiseach; tha cinnteachd a’ Chaitlicich air a stèidheachadh; a’ faicinn gu’n robh h-uile teagasg a tha e creidsinn mar phuing creidimh Caitlicich, agus h-uile fàithn’ us gnàthachadh diadhaidh a tha e cumail mar reachdan Chriosta, air an taisbeanadh us air an socrachadh gu fìrinneach le Dia Uilechumhachdach, agus gur iad sin na ceart riaghailtean a chaidh liubhairt air thùs le Criost do na h-ostail, ’s air an dianamh follaiseach leosan do ’n domhan eile. Tha’n Caitliceach làn thoilichte gur i an dòigh so a tha e leanailt, gus fhaighinn a mach cud iad na puingean creidimh a thaisbean Dia, an riaghailt cheart, ’s gu bheil i ga stiùradh gu aonachd na fìrinne. Nach eil e ceadaichte dha riaghailt so a leanail a tha toirt leithid do thoileachadh us do thiaruinteachd dha inntinn? A bheil e ceart do fheadhainn eile, a tha, le chaochla riaghailt a leanail, a bristeadh amach gu aidmheilean gun àireamh le’n lionarchd, ’sa dìteadh a chèile mu phuingean creidimh Criostail, dragh a chur air sàmhchair a’ Chaitlicich ’sa chàs so, no a dhìteadh airson gèillidh do dh’ughdarras dhaoine, a tha e fiosrach a chaidh shònrachadh a mach le Criost, gu sluagh an t-saoghail a thoirt gu eòlas cinnteach air a lagh, ’s gu aonachd creidimh? Nach eil an riaghailt so fior nàdurra us reusonta? An urrainn britheamh talmhaidh riaghailt us dòigh a’ Chaitlicich sa chàs so a dhìteadh. III. EARRANN. Air an Sgriobtur Naomh ANN an Sasun thathas a’ cur air an eaglais Chaitlicich gu bheil i na namhaid do leughadh ’s do sgaoileadh an Sgriobtuir Naoimh. And àite sin tha an Sgriobtuir Naomh, mar a’ phàirt sgriobhte do fhacal Dè, ro-mhiosail aig an eaglais Chaitlicich; anns a h-uile linn, si ghleidh gu ro-chùramach an tasgaidh dhiadhaidh so; us ghabh i daonnan anabarr saothrach gus na sgriobhaichean taisbeante sin a ghleidhe glan coimhlionta, mailleris an fhior sheagh anns na thuigeadh iad sna h-uile àite us àm bho linn nan Ostal. [TD 7] Cha do chuir an eaglais Chaitliceach riamh bacadh no èis air leughadh no sgaoileadh nan Sgriobtur naomh air an cur mach gu fìrinneach nan ciad chànanan. Tha i a’ cur mar fhiachaibh air a Clèir Oifig a ghabhail a h-uile là, anns a bheìl roinn mhòr do ’n leabhar bheannuichte air a chur sios, agus air làithean Dònaich an litir no’n soisgeul, no earrann air choireiginn eile do’n lagh naomh; a leughadh ’sa mhìneachadh dha na creidmhich nan cànan fhein. A thaobh leabhraichean do’n Sgriobtuir Naomh eadar-theangaichte gu cànanan ùra, tha ’n eaglais Chaitliceach ag iarruidh nach rachadh a h-aon dhiu sin a chur an lamhan nan creidmheach, ach a’ leithid ’sa th’ air am mios ceart agus air rèir seagh nan ciad leabhraichean le ughdarras na Clèire. Cha d’ rinn an eaglais Chaitliceach riamh lagh coichionta a’ bacail leughadh nan Sgriobtur eadar-theangaichte le dearbh-ughdarras; ach, a’ faicinn gu bheil mòran le ’n aineolas ’s le’n drochmheinn, a’ fiaradh, gu’ sgrios fhein, brìgh an teagaisg naoimh, chunnaic an eaglais Chaitliceach iomachuidh riaghailt a dhianamh, gu’m biodh na creidmhich air an stiùradh sa chùis so le comhairle am pears’-eaglais fhein. Codhiù tha no nach eil e fregarrach leabhar-sgoil airson cloinne a dhianamh de na Sgriobturan Naomha, nach bu chòir a chaoidh a laimhseachadh ach le modh, is cùis e a bhuineas do chreideamh us do ghliocas a sgoltadh, agus is puing sin air a bheil còir aig buchaillean na h-eaglaise Caitlicich breth a thoirt a thaobh an treudan fhein; agus sa chùis sin tha sinn am beachd nach eil còir aig neach eile deachdadh dhaibh. Tha cead aig Caitlicich Shasuin, thàinig gu làn aois, na Sgriobturan Naomha eadar-theangaichte gu fìrinneach dearbte, a leughadh le mìneachadh nan cois, cha ’n e mhàin sin, ach thathas ’gan comhairleachadh an leughadh le inntinn chràbhaich, iriosail umhailte. Tha Pius VII. ann an litir a sgriobh e gu Easbuigean Shasuin air an ochda-là-diag do mhios deireannach an earraich sa bhliadhna 1820 a’ comhairleachadh gu làidir, iad an sluagh a tha fo’n cùram spioradail a dhaingneachadh nan creideamh ’nan deagh-oibrichibh; us uige so, am prosnachadh gu leabhraichean, a bheil teagasg naomh, a leughadh, ’s gu h-àraid an Sgriobtur Naomh eadar-theangaichte le cead us ughdarras na clèire; oir dhaibhse, aig a bheil dea-rùn, cha ’n urrainn ni sam bith a bhith nas feumaile, nas sòlasaiche ’s nas misneachaile, na leughadh an Sgriobtuir Naoimh, air a thuigsinn na sheagh fìrinneach—tha e feumail gu daingneachadh creidimh, neartachadh dòchais, us lasadh carrannachd an fhior Chriostuidh. Ach nar thèid leughadh us sgaoileadh nan Sgriobtur a sparradh air daoine ’sa mholadh mar làn riaghailt creidimh, ’s mar an t-àrd mhiadhon gu ruighinn air eòlas ceart, agus gu sònruichte air teagasg, fàithnean, us riaghailtean Chriosta: agus nar a thèid an Sgriobtur, air a leughadh ’s air a sgaoileadh air an dòigh so, fhàgail ri mhìneachadh air rèir beachd gach duine air leth; sa chàs sin tha leithd so do leughadh, do sgaoileadh, no do mhìneachadh air am bacail leis an eaglais Chaitlicich, chionn gu bheil fios aig an eaglais Chaitlicich nach b’e, sgaoileadh nan Sgriobtur agus am mìneach- [TD 8] dh ai rèir beachd gach duine, na miadhonan a dh’ òrduich Criost gu fior eòlas air a lagh a thaisbeanadh dha na h-uile cinneach—tha fios aice gu’n deach Criostalachd a shuidheachadh an ioma dùthaich mun deach aon leabhair do ’n Tiomnadh Nuadh a sgriobhadh—nach b’ ann leis na Sgriobturan a thug na h-Ostail us an luchd-ionaid rioghachdan, no aon rioghachd fhein a stigh gu aona chreidimh Chriostail—gu bheil leughadh us sgaoileadh nan Sgriobtur gun ughdarras, agus g’ am mìneachadh air rèir beachd gach duine, a’ tarruing dhaoine bho ’n chreidimh Chriosdail gu modhan aoraidh mi-fhreagarrach do chèile, agus nach urrainn uile còrdadh mar phàirtean do chreideamh aonsgeulach oirdheirc na Criostachd; seadh, bheir iad gu mearachdan us baoth-chreidimh, gu ceannairc ’sna mi-riaghailtean a ’s mua miosg staidean us rioghachdan. IV. EARRANN. Mu chur iodhol-aoradh us saobh-chràbhadh as leth nan Caitliceach. THA doille us mìorun air dol air adhart cho fad ’s gu bheileas a’ cur as leth na h.-eaglaise Caitlicich IODHOL-AORADH ann an iobairt na h-Aifrinne—ann an aoradh (mar a their iad) a thoirt do’n Oighe Moire, agus ann an aoradh nan Naomh, us dhealbhan Chriosta ’s nan Naomh; agus SAOBH-CHRABHADH nan achanaich ris nan Naoimh, agus nan guidhe airson anaman am purgadair. Nis ’se iodhol-aoradh bhith toirt do chreutair sa bith, an àrd-aoraidh, an onair, no ’n urram a bhuineas do Dhia uilechumhachdach a mhàin. Tha ’n eaglais Chaitliceach a’ teagasg gur e iodhol-aoradh h-aon do na ciontan a’s mua a dh’fhaodar a dhianamh an aghaidh mhòralachd Dè; ’s tha h-uile fior fhear-leanmhuinn na h-eaglaise so ag oillteachadh roimh leithid so do choire, ’s air a dhochann gu cràiteach le cionta cho sgreamhail a shàmhlachadh ris. Ach thathas ag radh gu bheil na Caitlicich a’ toirt aoraidh do dh’ aran agus dh dh’ fhion san Aifrinn; gu bheil iad a’ toirt aoraidh, do ’n Oigh Moire; gu bheil iad a’ toirt aoraidh do’n chrois; aoraidh dha na naoimh, ’s do dh’ iomhaighean Chriosta agus nan naomh. Mun cuir sinn dhinn an sgainnir ghrànda so anns a’ bhrìgh a thathas a’ toirt di, feumaidh sinn seagh eugsamhail nam briathran aoraidh, onair, us urraim a mhìneachadh, los gum bi an tuaileas sgainnealach, ’sa fhreagairt air an tuigsinn san aon seagh. Tha sinn a’ faicinn ann an cainnt an Sgriobtuir naoimh, an Eabhra, an Gregais san Laidinn* cho math ’s ann an urnaighean chumonta na h-eaglaise Chriosdail bho shean, gu bheil aig na facail aoradh, onair us urram dà sheagh, ’s gu bheil iad air an gabhail ann an ioma brìgh air rèir nàduir a’ chuspair, gus a bheil an gniomh ri thuigsinn leis an fhacal, air a’ stiùradh, agus air rèir beachd an fhir a ni an gniomh. Bho so tha sinn gam faicinn air an cleachdadh air uairibh a’ labhairt ri Dia, air uairibh eile a’ labhairt ri creutairibh. Agus ged a tha cuid an diugh a’ ciallach- * Faic anns an Eabhira (Guàf. iii. 9. us Ecsod xx. 12) (Deut. xxviii. 47 us 48) Salm xcvi. 9 us 1 no 3rd Righ i. 23) An Grégais Gin. xxiv. 26 agus Gin. xlix. 8. An Laidinn Adorare Salm xviii. 2, us Gin. xxiii. 7, agus 2 no 4 Righ. ii. 15. [TD 9] adh, le aoradh us urram an àrd urram a bhuineas do Dhia a mhàin; an dèigh sin faodar na facail sin a ghleidheadh fhathast le feadhainn eile ann an atharrachadh seagh, gun mhàthair-aobhair sa bith a thoirt gu iodhol-aoradh a chur as an leth. San atharrachadh brìgh so tha iad fhathast air an gleidheadh ann an cainnt neo-chaochlaidich nan seann urnaighean cleachdte san eaglais Chaitlicich. Tha na briathran aoradh us urrum gan cleachdadh air uairibh a’ labhairt ri Dia, agus air uairibh a’ labhairt ri creutairibh, mar a tha ’m facal onoir. A nis, bho na tha e air òrduchadh dhuinn san Sgriobtur onoir a thoirt do Dhia, agus onoir a thoirt dha’n rìgh; agus gu bheil e air òrduchadh do chloinn onoir a thoirt dha’m pàrantan; cha ’n eil e a’ leanail bhuaithe so gur ionann an onoir a tha dligheach dha ’n rìgh, no do phàrantaibh agus an onoir a bhuineas do Dhia. Is còir dhuinn an onoir a’s àirde agus a’s urramaiche a thoirt do Dhia, rud a bhiodh na pheacadh a thoirt do chreutair sa bith. Do ’n righ buinidh an onoir shaoghalta a’s àirde. Agus tha e mar fhiachaibh air cloinn onoir mios us umhlachd a thoirt dha ’m pàrantan. Nach eucorach mata a chantuinn, a chionn ’s gu bheil ìochdran a’ toirt onoir do ’n rìgh, gu’m beil e le sin a’ toirt da na h-onoire a’s àirde agus a’s urramaiche nach buin ach do Dhia amhàin! Tha ’n ni ciadna ri chantuinn mu na briathraibh aoradh us urram mar a chleachdadh iad sna seann tìmibh, agus air uairibh fhathast ann an cainnt na h-eaglaise Caitlicich. Cha’n eil aoradh, air rèir cleachdaidh na h-amasire so fhein, a’ ciallachadh am bichiontas a bheag ach an spèis no ’m mios a’s àirde. Thathas a’ toirt a stigh an fhacail aoradh (sa bhiobull Bheurla clobhuailte an Ocsford) a’ ciallachadh aoraidh iochdranaich cho math ri àrd aoradh. ’Sa chiad leabhar do Eachdraidh xxix. 20. tha sinn a’ leughadh, gu na chrom a’ chuideachd sios an cinn ’s gu’n tug iad aoradh (am beurla WORSHIPPED) do’n Tighearna (Jehobha) agus do’n rìgh. An tug iad urram do’n rìgh leis an àrd urram chiadna a thug iad do Dhia? Gu cinnteach cha tug. Nar a their duine ris an tè a tha e gabhail mar mhnaoi, “le mo choluinn tha mi toirt aoraidh dhut,” am faodar iodhol-aoradh a ghràdh ri so? Gu cinnteach cha’n fhaod ni sam bith a bhith nas tuathaile na argumaidean a tharruing bho fhaclan ioma-bhrìgheach air am mìneachadh ann an seagh a ’s oil leosan, ris a bheileas a’ cur nan argumaid an cèill. ’Se ar freagairt mata, ma tha ri thuisginn leis na facail, aoradh, onoir, agus urram an t-àrd aoradh, onoir, us urram a bhuineas do Dhia amhàin; nach eil na Caitlicich a’ toirt aoraidh, no onoir, no urraim mar so do neach air bith eile, ach amhàin do ’n aon Dia, beo, fior, Cruthadair’ us Ard-thighearn an domhain: cha ’n eil iad san t-seagh so a’ toirt aoraidh no onoir, no urraim do’n Oigh Moire, no do h-aon sa bith dhe na naoimh, no do ’n chrois, no do dhealbhan, no do chreutair air bith eile. San Aifrinn, tha na Caitlicich a’ tairgse àrd-aoraidh, cha’n ann do dh’ aran ’s do dh’ fhion, nach eil iad a’ creidsinn a bhith làthair as dèigh a’ choisrigidh; ach do dh Josa Chriosta, Mac Dè, a tha iad a’ creidsinn a bhith gu fìrinneach, riochdail, corporra a làthair fo [TD 10] choltas amhàin arain agus fiona as dèigh a’ choisrigidh, agus le sin ag atharrachadh brìgh an arain agus an fhiona gu chorpsan agus gu fhuil. Aoradh a thoirt do Chriost, le gniomh àrd-aoraidh, cha ’n e sin iodhol-aoradh; chionn gur fior Dhia e, agus an lòrg sin, na chuspair toillteanach air àrd aoradh. Ach ma theirear gu bheil na Caitlicich le cleachdadh seanna chainnte na h-eaglaise Chriosdail, 1. A’ toirt aoraidh do na naoimh: feumar an t-aoradhsa a thuigsinn amhàin mar aoradh, onoir, us urram iochdrach, a tha iad a’ toirt daibh air rèir na coimhlionachd agus na foirfeachd chriochnaichte a bhuilich Dia orra; ach tha ’n t-aoradh so fada fada fo’n àrd aoradh a tha iad a’ toirt do Dhia. Cha’n eil na Caitlicich ag aideach foirfeachd no oirdheirceas ann an naomh sa bith, air nach eil iad a’ sealltuinn mar obair ’s mar thiodhlac Dè unnta. Air sheòl is gu bheil iad, le onoir a thoirt dha na naoimh, ag àrdachadh oibrichean Dè, agus, air rèir sin, a’ toirt gloir Dha. Cud sa bith gniomh cràbhaidh mata, a thairgeas sinn do na naoimh, ruigidh e Dia mu dheireadh. 2. A’ toirt aoraidh do ’n chrois: cha ’n eil anns an fhacalsa, ma thuigear e mar is còir a’ ciallachadh dad ach mios iosal iochdranach a thathas a’ toirt do inneal ar saorsuinn; ach an làthair na croise, ma bheirear e do Chriost fhein, tha e a’ ciallachadh mar is còir dha, gniomh ard-aoraidh. 3. A’ toirt aoraidh do dhealbhan Chriosta no nan naomh; tha ’m facal so a rithist, mar a tha e air a thuigsinn leis na Caitlicich a’ ciallachadh amhàin mhios iosal iochdranach a thathas a’ fiachainn do dh’ iomhaighean, as leth a mhios a bhuineas do na nichean a tha iad a’ nochdadh, agus dh’ ionnsuidh a bheil am mios a thathas a’ fiachainn dha na h-iomhaighean a’ ruighinn mu dheireadh. San t-seagh so, tha mios ga fhiachainn do dhealbh no do chathair an rìgh, as leth mòralachd na Tì dha ’m buin i: Tàir a bheirte do dhealbhsan, sheallte air mar thàir a bha am beachd dhaoine a thoirt dha ’n rìgh fhein. San t-seagh so tha mios mic air iomhaigh no dealbh a phàranta; aig pàrant air dealbh a leinibh; aig caraid air dealbh a charaid; cha ’n ann airson buaidh shòruichte sa bith a th’ aig stuth, no obair an fhir chèirde, ach a chionn gu bheil e na shàmhla ’s na chuimhneachan air cuspair a spèis ’sa ghràidh. An spèis dhàimheil so, a thaobh iomhaighean us dhealbhan a dhìteadh, cha bhiodh ann ach faireachduinn nàduir fhein a dhìteadh. An seòl-aoraidh so a chur as leth a Chaitlicich a’ chionn gu bheil am facal aoradh, nach eil a’ ciallachadh ach mios iochdranach dàimheil, us ri fhaighinn ann san t-seagh sin an urnaighean gnàthaichte sean agus ùr na h-eaglaise, cha ’n eil ann ach rud a tha an aghaidh treibhdhiris us carrannachd le chèile. A ràdh gu bheil an eaglais Chaitliceach ag aontachadh le urnuighean a dhianamh ri iomhaighean, cha ’n eil ann ach tuaileas a tha fiachainn cho beag toinisg, ’s nach airidh e a thoirt fosnear. Tha Caitlicich air uairibh a’ dianamh urnuigh AIR BIALAOBH iomhaighean a chionn gur cuideachadh iad gus an smaointean a chruinneachadh ’s an inntinn a stèidheachadh ’sa mheamhrachadh nan urnuighean; ach cha ’n eil iad, airson sin, ri’n saoilsinn [TD 11] air cho beag cèille us reusoin, ’s gu ’n dianadh iad urnuigh RI iomhaigh: oir tha fios aca nach eil feart no neart innte; agus nach urrainn i am faicinn, no an cluinntinn, no an cuideachadh. Tha na Caitlicich, gun teagamh, ag iarraidh eadarghuidhe nan aingeal’s nan naomh, a tha ann an glòir mailleri Criost ann an flathanas. Ach ann an so, nar thèid a dhianamh air rèir riaghailtean us spioraid na h-eaglaise Caitlicich, cha ’n eil dad do shaohb-chràbhadh, no dad an aghaidh fior naomhachd. Oir tha ’n eaglais Chaitliceach a’ teagasg dha cloinn gun ghuidhe ris na naoimh mar ughdairean ’s luchd-riarachadh ghràsan Dè, ach amhàin bhith sireadh air na naoimh ann am flathanas iad bhith guidhe air an son, san aon t-seagh anns na shir N. Pòl air an creidmhich air talamh guidhe air a shon. Tha na Caitlicich, air rèir creidimh us cleachdaidh dhiadhaidh na h-eaglaise Chriostail bho linn nan Ostal, a’ guidhe airson fuasglaidh us fois shiorruidh do dh’ anamaibh a’ dh’ fhàg a bheathasa, ’sa dh’ fhaodadh a bith car tamuill ann a’ staid pèine airson am peacannan; ach ann an so cha ’n urrainn duinn urad is faileas do shaobh-chràbhadh fhaicinn. Le eadar-ghuidhe nan naomh ann am flathanas a shireadh, ’s le guidhe airson nan anaman a tha fulang ann am purgadair; tha na Caitlicich a’ cur an gniomh co-chomunn na carrannachd sin, a tha eadar buill cuirp dhìomhair Chriosta, co-chomunn a tha iad ag aideach a chreidsinn nar their iad “Creideam an eaglais naomh Chaitliceach, co-chomunn nan Naomh.” An dèigh a’ mhìneachadh ’s an teisteanais so, tha dòchas againn nach bi ar luchd-dùthcha chaoidh cho mi-cheart, no cho neo-charrannach ’s gu ’n cuir iad iodhol-aoradh no saobh-chràbhadh as leth nan Caitliceach; agus nach bi iad cho mi-shuairce, ’s gu ’n sir iad dath-brèige a chur air cùisean, le seagh air leth a sparradh air facail, a tha, ann an cainnt an Sgriobtuir, Chriostuinean bho shean, us cleachdadh cumonta, a’ giùlan ioma seagh a rèir nàduir nan cùisean mu bheileas a’ labhairt. V. EARRANN. Air comas peacannan a mhathadh, ’s air fàithne na Faoisid. Tha anndiadhachd ga cur as leth na h-eaglaise Caitlicich, le comas peacannan a mhathadh a ghabhail oirre fhein gun òrdugh, agus anntighearnas spioradail, le cuing na faoisid a chur air an t-sluagh. Cha’n fhaodar anndiadhachd a chur as leth na h-eaglaise Caitlicich airson comais a chur an cèill a thug Criost dha na h-ostail ’s dhan luchd-leanmhuinn dligheach; no anntighearnas airson òrdachadh fàithne Chriosta a chumail. Tha na Caitlicich a’ creidsinn gu’n tug Chriost comas dha na h-ostail ’s do shagairt na h-eaglaise air peacannan a mhathadh, le sàcramaidean a’ bhaistidh ’s an aithreachais a riarachadh orrasan a tha iomachuidh airson nan gràsan so fhaighinn. Tha iad a’ creidsinn gu bheil sàcramaid an aithreachais air a h-òrduchadh le Criost, cheart cho math’s a’ tha sàcramaid a’ bhaistidh. Tha creidsinn an dà chuid air a stèidheachadh air an aona ghrunnd. [TD 12] San dà shàrcamaidse, tha peacadh ga mhathadh le gniomh duine. Biodh gach aon agaibh air a bhaisteadh gu mathanas a pheacannan, Gniomh. ii. 38; Co sa bith DHA ’M MATH SIBHSE am peacannan, tha iad mathte dhaibh, Eoin xv. 23. Ach peacadh gniomha sa bith cha tèid a mhathadh le toil amhàin pàpa, no sagairt, no urra sa bith, gun bhròn fìrinneach a chionn miathlachd a chur air Dia, ’s gun rùn làidir am peacadh a sheachnadh bho sin suas, us breitheanas-aithris a dhianamh airson nam peacannan a rinn e. Neach sa bith a gheobh fuasgladh gun a leithid so a dh uidheamachadh, tha e cho fad a bho mhathanas fhaotuinn na pheacannan ’sgur h-ann a tha e a’ cur riu coire ceilg us truaillidh-sàcramaid. An t-achd a tha cur faoisid do shagart mar fhiachaibh oirnn, chan òrdugh eaglais a th’ ann, ach òrdugh Chriosta. Gun saor aideachadh a’ pheacaich, cha ’n fhaodte comas fuasglaidh no ceangail pheacannan a chur an gniomh gu ciallach ceart le fear-riarachaidh sàcramaid na faoisid. Cha ghabhadh aideachadh pheacannan a chaoidh a thoirt a stigh, mur biodh daoine air a ghabhail bho thoiseach, mar reachd diadhaidh gu mathadh pheacannan. Bhathas ga chleachdadh bho chiad linntean na Criostalachd. Tha ’n toradh a’s fallainne a’ tighinn bhuaithe. A bharrachd air a bhith na mhiadhon gu mathadh pheacannan, tha e toirt furtachd do’n chogais bhruailleinnich, us cothrom do pheacaich sheachranach a thilleadh bho’n droch stiùrannan, ’s an toirt gu dìoladh a dhianamh airson dochair a rinneadh leo air daoine thaobh pearsa, codach no cliù. Faodaidh e bhith na chulaidh-fhanaid acasan a tha toirt blaisbheum do nichean nach aithne dhaibh (2 Pead. ii. 12), ach mar lagh iochdar fallainn seallar air daonnan leosan a tha fìor-bhrònach airson am peacannan, ’sa dh’ iarras gu dùrachdach ruighinn air mathanas. VI. EARRANN. Air Laghadh-Eaglaise. THATHAS a’ cur air an eaglais Chaitlicich gu bheil i toirt misnich do ’n olc, le bhith toirt cead peacadh a dhianamh, ’sa toirt mathanais ro’-laimh le Laghadh-Eaglaise airson pheacannan a nitear. Tha ’n eaglais Chaitliceach a’ cur an aghaidh na sgainnir so le fuathas, gu bheil i le laghadh a’ toirt cead peacadh a dhianamh, no a’ toirt mathanais airson pheacannan a nitear. Ann an seagh na h-eaglaise Caitlicich, cha’n e mathanas peacaidh th’ann an Laghadh-eaglaise idir; cha’n eil ann ach mathadh uile, no am pàirt pèin amasireil, a tha ceartas Dè a’ fàgail gu tric ri dhìoladh leis a pheacach, an dèis cionta a’ pheacaidh a bhith air a mhathadh. An comas air a’ phèin amasireil so a mhathadh, thugadh e le Criost do Pheadal agus do luchd-leanmhuinn, us chleachdadh e bho na ciad linnte. Tha laghadh cho fad bho pheacaich a shaoradh bho ghniomhan aithreachais us cràbhaidh, ’s gur ann a tha e na aobhar prosnachaidh gu leithidean so a ghniomhan a dhianamh, a chionn gu bheil iad air an òrduchadh mar mhiadhonan gu toradh an laghaidh a chosnadh. Air an aobhar sin, gu cinnteach, cha ’n eil teagasg na h-eaglaise Caitlicich a thaobh sàcramaide an aithreachais, an aidich, no [TD 13] laghaidh, ag iarraidh, gu beusan criostail a lasachadh, no gus an t-olc a phrosnachadh, no gus an rathad a rèiteach gu drochbheirt, ach an àite sin gu stad a chur air a’ pheacadh, ’s gu gniomhan gach subhailc chriostail a chur air adhart am miosg dhaoine. VII. EARRANN. Air Ceangal Mionnan. THATHAS a’ cur air na Caitlicich gu bheil iad an dùil nach eil iad air an ceangal le mionnan sam bith, ’s gu ’m faod am Pàpa am fuasgladh bho ’m mionnan uile a thug iad. Cha ’n urrainn duinn innse a mhiad ’sa tha a dh’ ioghnadh oirnn a leithid so do sglàmhrainn. Tha sinn a’ cumail a mach gu bheil ceangal mhionn ro-naomh: oir le mionn tha duine a’ gabhail na Tì a’s àirde, fear rannsachaidh chridheachan, mar fhianuis air cho cinnteach sa tha e gu bheil na tha e a’ cantuinn fior, ’s gu ’n seas e ris a’ cheangal a tha e cur air fhein. Mar sin duine sa bith a bheir mionnan eithich no bhristeas air a’ cheangal laghail a dhaingnich e le mionn, tha e a’ peacachadh, cha ’n ann amhàin an aghaidh fìrinn us ceartais, ach an aghaidh creidimh. Tha e ciontach ’sa choire ghàbhaidh mionnan eithich. Cha ’n eil comas aig Pàpa, no comhairle sa bith, no aig aon duine, no cotheanal dhaoine aig a bheil ughdarras ’san eaglais Chaitlicich, a dhianamh laghail do Chaitliceach briag a dhaingneachadh le mionn; no mionn air bith fhuasgladh, leis na dhaingnich Caitliceach a dhleasnas dligheach dha rìgh, no shnaim dleasnais no ceartais do neach eile. Esan a bheir mionn tha e mar fhiachaibh air a cumail ann an seagh soilleir nam briathran, no anns a’ bhrìgh a tha ’m fear dha bheil e toirt a mhionn a’ ciallachadh. VIII. EARRANN. Air dhligheachd dha’r rìgh us umhlachd do ’n Phàpa. TAATHAS a’ cur air na Caitlicich gu bheil iad a’ roinn an dligheachd eadar an rìgh saoghalta ’s am Pàpa. Cha bhuin dligheachd do dhleasnasan spioradail ach do dhleasnasan rioghachd; do na cìsean us dleasnasan saoghalta sin is còir do ’n iochdran a thoirt dha rìgh, ’s do luchd-riaghlaidh na rioghachd. Leis an fhacal spioradail, tha sinn a’ ciallachadh an so an ni sin a tha thaobh nàduir ag iarraidh calg-dìreach gu crìch fos cionn nàduir, no th’ air òrduchadh gu toradh fos cion nàduir a thoirt amach. Mar so is gnothaichean spioradail, puingean creidimh a theagasg, na sàcramaidean a riarachadh, uachdaranachd tur eaglaiseil a thoirt seachad, us a cur an gniomh. Leis an fhacal amasireil, tha sinn a’ ciallachadh an ni sin a thaobh nàduir a tha’g iarraidh calg-dìreach gu gnothaichean an t-saoghailse. Air rèir so is gnothaichean amasireil, laghannan a dhianamh gu riaghladh na rioghachd, ceartas a dhianamh eadar dhaoine, riaghladairean dùthcha us oifigich airm òrduchadh. An dligheachas a tha na Caitlicich a’ facinn mar fhiachaibh ’s mar dhleasnas teann orra a thoirt do ’n rìgh, agus do luch-riaghlaidh laghail na rioghachd, tha e slàn us neo-roinnte. Cha ’n [TD 14] eil iad a’ roinn an dligheachais eadar an rìgh us cumhachd sa bith eile shaoghalta no eaglaiseil air thalamh. Tha iad a’ faicinn san rìgh agus ann an rian suidhichte na rioghachdsa, àrd-chumhachd shaoghalta, a tha tur eadardhealaichte us tur sgaithte bho chumhachd spioradail us eaglaiseil a’ Bhàpa, agus na h-eaglais Caitlicich. Tha iad a togail fianuis nach eil aig a’ Bhàpa, no aig easpuig, no aig pears-eaglais a bhuineas do dh’ eaglais Chaitlicich na Ròimhe, as leth a driachd spioradail no eaglaiseil; còir an aon rathad no rathad eile, air rian, cumhachd, uachdaranachd, àrdachadh, no ughdarras saogalta san rioghachdsa; ’s nach mua tha còir aig an aon seòl na seòl eile gnothach a ghabhail ri uachdaranachd shaoghalta sna rioghachdansa, no ’n earrainn air bith dhiu; no ’n dòigh air bith iochdaranan an Rìgh uile, no h-aon diu air leth a bhacail bho choimhlionadh nan dleasnasan saoghalta a bhuineas dha ’n Rìgh, dha oighreachan, agus dha luchd-ionaid; no dleasnas air bith spioradail no eaglaiseil a thoirt orra a dhianamh le miadhonan saoghalta air bith. Tha iad ga fhaicinn na chùis cogais a bith umhail do dh’uachdaranachd shaoghalta na rioghachdsa anns a h-uile ni a bhuineas do ghnothaichean saoghalta us amasireil, a dh’aon laghadh no òrdugh na aghaidh, a tha, no bhios air a thoirt amach bho ’n Phàpa, no bho ughdarras sa bith th’ aig eaglais na Ròimhe. Uime sin tha sinn na ràdh nach eil na Caitlicich, le umhlachd a thoirt do’n Phàpa ann an cùisean spioradail, a’ cumail air ais roinn air bith dhe ’n dligheachas do ’n Rìgh, ’s gu bheil an dligheachas slàn us neo-roinnte; thaobh ’s gu bheil cumhachd amasireil na rioghachd, us cumhachd spioradail na h-eaglaise Caitlicich tur dealaichte bho chèile, ’s nach robh e riamh am beachd an Ughdaire Dhiadhaidh gu ’m biodh iad a’ cath ’sa gleachd ri chèile. “Thoir do Shèasar na nichean a bhuineas do Shèsar, agus do Dhia na nichean a bhuineas do Dhia.” IX. EARRANN. Air còir nan Caitliceach Bhreatannach air maoin na h-Eaglaise Suidhichte an Sasunn. THATHAS a’ cur air na Caitlicich Bhreatunnach gu bheil iad a’ tagairt còir eucorach air maoin na h-Eaglaise Suidhichte an Sasunn. Tha sinn a’ sealltuinn air leithid so do thagradh mar sgeula-brèige gun bhonn sa bith. Tha sinn a’ gràdh air ar coinnseas nach eil smaoineachadh againn air a leithid so do thagradh. Tha sinn ag amharc air tighinn-a-stigh us maoin na h-eaglaise suidhicte air fad mar chuid na feadhnach sin air na shuidhicheadh iad le lagh na tìre. Tha sinn ag aicheadh gu bheil còir, dlighe, no agartas againn air dad dhe so. X. EARRANN. Air Sàbhladh san eaglais Chaitlicich amhàin. THATHAS a’ cur mi-charrannachd as leth nan Caitliceach, a chionn a’ bhith cumail amach nach eil sàbhaladh ri fhaotuinn an taobh-muigh na h-eaglaise aca fhein. Se teagasg na h-eaglaise do na Caitlicich, iad a thoirt gaoil do [TD 15] dhaoine an t-saoghail gun seachnadh air a h-aon; toil a bhith aca an cinne daonnda gu lèir a bhith tiaruinte; agus iad a bhith guidhe gu ’m biodh iad uile sàbhailte, ’s gu ’n tigeadh iad gu eòlas na fìrinne, leis am faod iad a bhith air an tiarnadh. Ma rinn an t-uilechumhachdach fhein cumhnantan àraid, nach fhaodar a bhith sàbhailte as aonais an coimhlionadh, shaoilte e na ghnothach mi-dhiadhaidh ionnsuidh a thoirt air na cumhnantan a shuidhich Dia a chur air chùl; agus na ghniomh fad’ an aghaidh na carrannachd, duine a gràdh ri duine eile; gu ’m faod e bhith sàbhailte, gun na cumhnantan sin a choimhlionadh a dh’ òrduich an t-Uilechumhachdach. ’Sann do lagh Chriosta fhein a’ phong creidimhse, nach eìl sàbhaladh air taobh-mach na h-eaglaise Caitlicich. Nach eil Criost fhein, a chuir mar fhiachaibh air daoine na puingean a thaisbean e a chreidsinn, a’ cantuinn, esan nach creid dìtear e? (Marc. xvi. 16.) Nach eil Criost, a dh’ òrduich am baisteadh gu peacannan a mhathadh a’ gràdh, mur faigh duine an ath-bhreith leis an uisge ’s leis an Spiorad Naomh, cha ’n URRAINN e dhol astigh do rioghachd Dè? (Eoin iii. 5.) Nach eil N. Pòl ag àireamh cunntais pheacannan, mar tha adhaltras, iodhol-aoradh, gamhlas, buaireas, eiriceachd, murt, misg, &c. mu bheil e gràdh, iadsan a ni leithidean so cha ruig iad air rioghachd Dè? (Gal. v. 21.)Nach cumhnantan dìtidh so air an fheadhainn nach buin do ’n fhior chreideamh? Neach sa bith a tha ’g aideach lagh Chriosta, feumaidh e a’ phong so aideach, nach eil sàbhaladh ann ach san aona chreideamh. Cha ’n e an Caitliceach, ’se Dia fhein, a dhùineas amach a flathanas an headhainn nach eil làn-uidheamaichte air a shon le creideamh us deagh-oibrichean. Ach ged a tha e mar fhiachaibh air a’ Chaitliceach gabhail ris phuing creidimh so ’s le creideamh daingean a cumail, tha fàithnte Dè a’ cur mar fhiachaibh air cuideachd gun bhreith a thoirt. Air an aobhar sin cha ’n eil e ceadaichte dha bìnn dìtidh a thoirt air neach sa bith a tha tighinn beo, ’sa faighinn a’ bhàis an taobh-muigh na h-eaglaise Caitlicich; no bìnn dìtidh a thoirt an aghaidh na feadhnach a bhàsaich air rèir coltais ann a’ staid a’ pheacaidh. Ias so uile tha e a’ fàgail aig ceart bhreitheanas an An áird-fhir-rannsachaidh chridheachan, an Tì a bheir air an là dheireannach do na h-uile duine air rèir oibrichean. Ach gu cinnteach feumaidh a’ charrannachd maraon ’s an fhìrinn an dàrna Criostuidh a bhacail bho mealladh a’ Chriostuidh eile, ann an cùis cho ro-chudtromach sa tha sàbhaladh siorruidh anma. Am fear a bheireadh a chreidsinn air a choimhearsnach, nach eil cumhnant air bith thaobh sàbhalaidh ga iarraidh air mac-an-duine, mhealladh e e. Am fear a tha ’g aideach gu bheil cumhnant do ’n seòrsa so ga iarraidh air le Dia nan uile chumhachdan, tha e ’g aideach na phuingse, nach eil sàbhaladh ach san eaglais Chaitlicich na h-ònrachd. XI. EARRANN. Air Cumhnant a chumail ri Eiricich. THATHAS a’ cur air na Caitlicich gu bheil iad a’ creidsinn, nach eil e mar fhiachaibh orra cumhnant a chumail ri Eiricich. [TD 16] Mar Chaitlicich, tha sinn a’ creidsinn ’sa gràdh, gu bheil e mar fhiachaibh air na Caitlicich uile, bho lagh nàduir, ’s bho lagh a’ chreidimh thaisbeanta, dleasnasan fìrinn us ceartais a sheasamh ri daoine uile, gun seachnadh air neach sa bith, ’s gun eadardhealachadh air dùthaich no creideamh. Mhionnaich Caitlicich Bhreatuinn gu treibhdhireach ceart, “gu bheil iad le sgreatachd a’ cur an aghaidh an tuairisgeul neo-chriosdail agus ann-diadhaidhse so, nach eil cumhnant ri chumail ri eiricich no anacreidich.” An dèigh so ma chuirear orra leithid so a phuing a chumal, cha ’n urrainn daibh gun fhaireachduinn na thàir mhòir air an creideamh ’s air an cliù. A’ CHRIOCH. AN dèis dhuinn ionnsuidh a thoirt, san teisteanas so, air innse le firinn gun fhoill, puingean creidimh ar n-eaglais a ’s mua a thathas am bichiontas a’ cur an solus brèige, no tha an dallachrann air muinntir na rioghachdsa, ’san dèis an seagh a mhìneachadh anns a bheil na Caitlicich a’ tuigsinn nam briathran leis a bheil na puingean sin air an cur an cèill ann an cainnt na h-eaglaise aca, tha sinn an earbsa gu ’n gabhar an teisteanas ’s am mìneachadh so le’r co-luchd-dùthcha, ann a’ spiorad treibhdhireach carrannach; ’s gu ’n dian an fheadhainn a bha uige so aineolach, no air bheag lèirsinn mu phuingean ar creidimh uibhir cheartais ruinn, ’s gu ’n gabh iad ris, nach eil sinne mar Chaitlicich, a’ cumail puingean air bith creidimh, no barailean a tha sruthadh bho na puingean sin, nach eil tur freagarrach dha ’r dleasnas mar Chriostuinean, ’s mar iochdrain Bhreatunnach. Tha sinne na tha fo-sgriobhte ag aontachadh leis an teisteanas so, agus ga chur amach mar mhìneachadh air ar puingean creidimh, air na cùisean mu bheil e a’ labhairt. UILLEAM, Easpuig Haillia F. I. O.* ann an Rionn Lunnainn. PEADAL BERNARDIN, Easpuig Thespia, F. I. O. sa Roinn gu Siar. TÒMAS, Espuig Bholina F. I. O. san Roinn gu Tuath. TÒMAS, Easpuig Chambysopolis, F. I. O. san Roinn Mhiodhonaich. ALASDAIR, Eg. Mhaximianopolis, F. I. O. san Roinn Ghallda an Albuinn. RAONULL, Easpuig Aerindela, F. I. O. san Roinn Ghaidhealaich an Albuinn. PEADAL UISGEIN, Easbuig. Shiga, Comh-chuidiche san Roinn gu Siar. SEUMAS, Easpuig Usala Comh-chuidiche an Roinn Lunnainn. TÒMAS, Easpuig Europum, Comh-chuidiche san Roinn mu Thuath. ALASDAIR, Easpuig Chibistra, Comh-chuidiche san Roinn Ghallda an Albuinn. Ciad Mhios an t-Samhraidh, 1826. ROIBEIRT, Easpuig Lidda, Comh-chuidiche an Roin Lunnainn. Mios Deireannach a’ Gheamhraidh, 1829. GILLIONDRAS Easpuig Eretria, F. I. O. san Roinn gu Siar an Albuinn. SEUMAS, Easpuig Ghermanicia, F. I. O. san Roin mu Thuath an Albuinn. GILLIONDRAS Easpuig Cheramis, F. I. O. san Roinn gu Sear an Albuinn. IAIN, Easpuig Thrachis, F. I. O. san Roinn mu Tuath. IAIN, Easpuig Chastabala, Comh-chuidiche san Roinn gu Siar an Albuinn. TOMAS, Easpuig Olena, F. I. O. an Roinn Lunnainn. SEUMAS, Easpuig Limira, Comh-chuidiche san Roinn gu Sear an Albuinn. A Chiad Mhios do ’n Gheamhradh, 1838. * F. I. O. leugh Fear-Ionaid Ostail.