[DA 1] DAIN SPIORADAIL. [DA 2] [Blank] [DA 3] DAIN SPIORADAIL. LE IAIN MAC-GILLEAIN. MAILLE RI BEAGAN DE LAOIDHEAN MHIC GRIOGAIR, NACH ROBH GUS A SO AIR AN CLO-BHUALADH. Eirich a do shuain ’s tu’n cunnart; Na bi ’fuireach measg nam marbh. Tha Criosd a’ gealltainn dhuit soluis; Bi gu toileach leis a’ falbh. Seinn da le laoidhibh ’s le danaibh Bho d’chridhe le gràs gun cheilg. Teich o anamiannaibh d’oige; Lean ’fhirinn ’s thoir gloir d’a ainm. I. MACGILLEAIN. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART. 1880. [DA 4] EDINBURGH: PRINTED BY LORIMER AND GILLIES, ST. ANDREW SQUARE. [DA 5] AN CLAR-INNSE. PAGE Beath’-Iomradh, ix Staid an T-Sonais, 1 Tuiteam an Duine, 2 Am Meas Toirmisgte, 6 Trocair Dhe do dh’Adhamh, 9 Ar n-Urras, 11 Am Fear-Saoraidh, 14 Prionnsa na Sith, 20 Irioslachadh Chriosda, 23 Doille nan Iubhach, 28 Breith Philat, 31 Molamaid Iosa, 33 Moladh an Leigh, 35 Grian na Firinteachd, 37 Cuireadh an t-Slanaigheir, 40 Saorsa Tre Fhuil an Uain, 43 Bruadar Faoin nam Peacach, 46 Na H-Uaibhrich Amaideach, 48 An Duine Diomhain, 54 Teich ’s tu’n Cunnart, 56 Till bho D’dhroch Shlighibh, 58 Treig do Ghrainealachd, 59 Thig an Diugh, 61 [DA 6] PAGE Lean Iosa, 64 Gleann na H-Irioslachd, 65 Comhradh eadar am Biobull agus am Peacach, 70 Turas a Chriosdaidh, 79 Leantuinn an Uain, 82 Saighdearan Chriosda, 85 An Cogadh Naomh, 89 Fein-Mhealladh, 98 Am Buaireadair, 100 Seasmhachd Iob, 102 Dilseachd agus Duais nan Abstol, 104 Craobh-Sgaoileadh an t-Soisgeil anns an tir so, 106 Neochinnteachd ar Beatha, 110 Abhainn Iordain, 114 Uamhas a Bhais, 119 Dean Deas airson a Bhais, 122 Smaointinnean mu’n Bhàs, 124 Bruach Iordain, 126 Bartimèus an Dall, 128 Seidear an Trompaid, 128 An Latha Mor, 130 An Da Bhuidheann, 131 Latha Bhreitheanais, 132 Tir Immanuel, 139 DR. MACGREGOR’S HYMNS. Beath’-Iomradh, 145 Na Deich Aintean, 148 Staid Nadair Chloinn Daoine, 148 [DA 7] PAGE Cuireadh an t-Soisgeil, 158 Tairgse Shaor an t-Soisgeil, 165 Aonadh ri Criosd, 171 Saorsa o’n Lagh, 182 An Soisgeul, 189 Craobh Sgaoileadh an t-Soisgeil, 190 BY THE REV. D. B. BLAIR. Dian-Iarrtas anma airson Chriosd, 191 BY JOHN MACGILLIVRAY. Fulangas an t-Slanaigheir, 200 [DA 8] [Blank] [DA 9] MEMOIR. JOHN MACLEAN, the author of the following Poems, was born at Caolas in the island of Tiree, Argyleshire, on the 8th day of January, 1787. He was married to Isabell Black, daughter of Duncan Black, elder, Lismore, in 1808. He published a volume of Gaelic songs in 1818. He emigrated to America in 1819. He died on the 26th of January, 1848. In Scotland he was known as Bard Thighearna Chola; in this country as Am Bard Mac-Gilleain. Upon coming to America the Poet settled at Baile-Chnoic, Barney’s River, in the county of Pictou. From Baile-Chnoic he moved in 1830, six miles further east, to a place which is now known as Glenbard. Whilst in Scotland he was in very comfortable circumstances; during his first few years in this country he was in poor circumstances, and endured much hardship. He lived in the middle of the woods. He had to cut down the trees and prepare the land for cultivation. In his well-known poem on America, he has the following reference to his lonely situation:— “Cha’n ioghnadh dhomhsa ged tha mi bronach, ’S ann tha mo chomhnaidh air cul nam beann; [DA 10] Am meadhon fasaich air Abhainn Bharnaidh, Gun dad a’s fearr na buntata lom. Mu’n dean mi aiteach, ’s mu’n tog mi barr ann, ’Sa choille ghabhaidh ’chur as a bonn Le neart mo ghairdein, gu’m bi mi saraichte ’S treis air failinn mu’m fàs a chlann.” John MacLean had been all through his life a man of thorough integrity, and a diligent reader of the Bible and religious books. He had always maintained the worship of God in his family and was a strict observer of the Sabbath. It seems, however, that his hard lot at Barney’s River and his lonely condition had, in a spiritual point of view, a very beneficial effect upon him; they were the means of directing his attention more fully to the Saviour and to the promised land. It was after he had been four or five years at Baile-Chnoic that he began to compose spiritual songs. The poet was well-versed in the Scriptures. Boston’s Fourfold State, Bunyan’s Works, Baxter’s Call, Alleine’s Alarm, and Doddridge’s Rise and Progress of Religion in the Soul were works which he owned and carefully studied. Boston’s Fourfold State he read very frequently. He was a member of the Church of Scotland. At the Disruption he joined the Free Church. His sympathies had, during the Ten Years’ Conflict, been with the Anti-Patronage party. A small edition of his Hymns was published in 1835. It was circulated almost wholly in this country. It was full of mistakes. Nature made a poet of John MacLean. He [DA 11] was a thorough Highland bard. In his songs he sang the praises of the Laird of Coll; in his hymns he sings the praises of his Saviour. In his songs he sang the glories of Scotland; in his hymns he sings the blessedness of the promised land. As the theologian appears all through Dr. MacGregor’s hymns; so the bard, having Christ for his hero, appears all through John MacLean’s hymns. He was the only one of the bards who composed spiritual songs. I am responsible for the order in which the poems are given. The first hymns composed were “Fein-Mhealladh” and “Am Fear-Saoraidh;” the last composed were “Tir Immanuel,” “An Cogadh Naomh,’ “Prionnsa na Sith,” “Smaointinnean Mu’n Bhàs,” “Am Meas Toirmisgte,” “An Da Bhuidheann,” and “Grian na Firentachd.” It is very likely that the poet composed several hymns which he did not write down. John MacLean’s songs and secular poems are in the printer’s hands, and will be issued in a few weeks under the title of “Clarsach na Coille.” A. MACLEAN SINCLAIR. 22nd July, 1880. [DA 12] [Blank] [TD 1] DAIN SPIORADAIL. STAID AN T-SONAIS. BU shon’ ar parantan ’n gàrradh Edein; Bha naomhachd cridh’ ac’, bha iomhaigh Dhe orr’. Bu mhaiseach glormhor ’s gach doigh le cheil’ iad; Bha’n gnuis a’ dearrsadh mar ailleachd reulta. Bha’n t-uisge ’b’fhearr anns a gharradh cheutach, ’S gach ni a fàs ann a bha ’chum feuma. Cha’n fhaiceadh Adhamh gu brach ann eigin, ’S cha bhiodh air sarachadh, cradh, no eislean. Cha robh lus graineil a fas na chriochaibh, ’S cha robh anuair ann, no fuachd, no dian-theas; Cha robh am fiadh ann am fiamh roimh ’n tigeir, ’S an t-uan ’s an leoghunn bha comhla ’g imeachd. Gun eagal namhaid, gun sgath roimh dhoruinn, Bha Adhamh ’s Eubh’ ann an Eden boidheach. Bu mhor an gairdeachas, b’ard an solas; Bha comunn fialaidh ri Triath na gloir’ ac’. Bu tric iad comhla an comhradh gradhach Mu bhuadhan Dhe ’us mu Eden adhmhor, [TD 2] Mu chraoibh an eolais air bron us amhghar, ’S mu’n ghloir a bhiodh mar-ri’n Righ gu bracha’. Bha iad gun fhiaradh do Dhia ’toirt umhlachd, Bu tric le aoibhneas a seinn a chliu iad ’S bu bhinn an ceol bhiodh bho ’m beoil bu chubhraidh; Cha robh ’s cha bhiodh orra ni ’cur curaim. TUITEAM AN DUINE. BU mhath dheth bha Adhamh An gàrradh nam buadh; Bha eibhneas ’us ailleachd ’S gach aite mu’n cuairt; Bha naomhachd na chridh’ ’S cha robh ni ’cur air gruaim; ’San cuideachd an Ard-Righ Gach la bha e gluas’d. Le gamhlas chaidh Satan Do’n ghàrradh air chuairt, Is thuirt e ri Eubh ’S e ’g a teumadh gu truaigh’;— “’N d’thuirt Dia, Tha craobh araid A’ fas an sud shuas, ’S am meas aic’ cha’n fhaod sibh Ri ’r saoghal a bhuain?” “Thug dia dhuinn gu’n itheadh Gach meas a tha ’fas [TD 3] Ach meas craoibh’ an eolais; Tha doruinn ann ’s bas. Thuirt Dia ruinn na h-ithibh De ’n mheas sin gu brach; Thig sgrios air bhur n-anam Ma bheanas sibh dha. Am meas sin tha ceutach ’Us feumail ’s gach doigh. Gach aon de a dh’itheas Gheibh fiosrachadh mor, ’S bidh ard mar na diathan ’Tha ’riaghladh an gloir.— Cha ’n fhaicear am bas leibh; Gu brach bidh sibh beo. Le ’chomhairlean chlaon i Is dh’aom i na ’cridh’; De mheas na craoibh thoirmisgt’ Gu dalma ghabh i. D’ a fear thug i pairt dheth, Gun sgàth oirr’ a ni, ’S ghabh esan a laimh e, Gun chuimhn’ air a Righ. Nis chaill iad an ailleachd, An slainte ’s an sith. Bu leir dhaibh an goraich’, Bha’n solas aig crich; Air olc bha ac’ eolas ’S air doruinn na’n cridh, Leum naire na’n aodann, Bha aodach ’gan dith. [TD 4] Bha’n coicheangal briste Bha sgrios orr’ ri ’thigh’nn; Bha corruich air Dia riubh’ Bha’n Diabh’l orr’ na righ, ’S e eibhinn gu’n d’gheill iad Dha fhein anns gach ni; ’S aig ifrinn na doruinn Bha coir orr’ le cinnt’. ’S an fheasgar guth chual’ iad ’Bha uamhasach leo; Ag imeachd ’s a gharradh Bha Ard-Righ na gloir’. Ghrad-theich iad am falach Feadh dhuilleach nan croabh; Bha eagal roimh ’n Ti orra ’Rinn iad araon. Nuair ’dh ’fharraid an Triath dhiu Mu ’n ghniomh ’s an robh ’n call; Thuirt Adhamh,—“Bha Eubh ’Ga mo theumadh gu teann.” “Si’n nathair, ars’ ise, ’Chuir mise ’nam dhall, A spionadh a mheas ud, ’S ’ga itheadh le sannt. Ri nathair an uamhais A bhuair iad le ’cainnt, Thuirt Dia, Bidh gach truaighe ’Gad ruagadh gu teann ’S ni Treunfhear ’shliochd Eubh A suas eiridh ri am [TD 5] ’Bheir buaidh ort ’s a shalt’reas Fo ’chasan do cheann.” An deigh do Dhia sgeul ’Thoirt mu’n Treunfhear a bhiodh, A’ labhairt ri Eubh Chuir E’n ceill dhi a binn;— “Bidh agadsa bron ’S iomadh leon ri do thim Bidh d’fhear ort na uachdaran, Thruaill thu do shiol.” ’S ri Adhamh thuirt E, “Bho na dh’eisd thu ri d’mhnaoi An talamh bidh mallaicht’, Neo-thorach ’s gach linn; Le saothair us fallas As d’aran bheir thu; ’S thig latha ri tim Anns am pill thu gu uir. Air Adhamh ’s air Eubh Chuireadh eideadh gu leoir; ’S chaidh ’n iomainn le cheile Bho Eden ri ’m beo. Bu truagh iad ’s an cúl ris, Bu shiubhlach an deoir; Air craoibh na beath’ chaill iad Le’n aingidheachd coir. Mor-thruaighean do-aireamh Thug Adh’mh air a shiol; ’S ann leis ’thainig farmad Is marbhadh is stri; [TD 6] ’S ann leis ’thainig plaighean Us cradh agus claoidh; ’S ann leis thainig bochduinn Us gort, anns gach linn. Shruth truailleachd a nadair Bho Adhamh an nuas, Mar ’dhearbhadh le Cain An ardain, gu luath. Nimh ghuineach na nathrach Na anam bha ’gluas’d, ’Us dhoirt e fuil Abel A bhrathair, gun truas. ’Fhir dh’fhuiling do cheusadh ’S a dh’eirich bho’n uaigh, Gabh mis’ air do churam ’Us duisg mi a suain; Thoir sealladh do’m shuilean Mu’n duin thu mo chuairt Air ’n t-slighe ga d’ionnsaidh ’N Ierusalem nuadh. AM MEAS TOIRMISGTE. GUR h-aobhar broin dhomh gach la, ’bhi smaointinn Mar rinn mi toiseachadh anns an t-saoghal, ’S mu’n truailleachd mhoir a bha air gach taobh dhiom Bho laithean m’oige gu laithean m’aoise. [TD 7] ’S e ’m meas a dh’fhas ann am barr na craoibhe ’Thug oirnn gach truailleachd us truaigh ’s an t-saoghal. ’N uair’ dh’ ith ar parantan ard gu faoin dheth, Bha’n cumhnant brist’ ’s thainig sgrios air daoine. B’i staid an t-suaimhneis an staid ’s a gharradh, Bu staid nam buadhan ’bha neartmhor ard i; Bu staid gun uaill i, gun truailleachd nadair, Bu staid gun truaigh’ i ’bha ’buaireadh Shatain. Na fhoill chaidh Satan ’s an nathair lubaich ’S le ’teanga bha e a’ cainnt gu siubhlach. Le ’bhreugan dana rinn Eubh leis lubadh, ’Us thug i dh’Adhamh am ’meas a chiùrr sinn. Bu shearbh a nis dhaibh am meas nach d’fhag iad; Bha iad nam ciomaich fo chis aig Satan. Bha ’m fiachan trom’ ’s iad gun bhonn gu’m paidheadh, ’S bha’n lagh gan diteadh do phriosan laidir. Gu’n d’chaill iad iomhaigh an Ti is airde ’Us thainig uaill annta ’s fuath na h-aite. Thuit dhiu an gloir, ’us an comhdach aluinn, An trusgan eibhinn nach feumadh caradh. Chaill iad coir air ’n ait’-comhnuidh aluinn, ’Us chaidh am fogradh ri’m beo gun dail as. Bu dluth an deoir ’s iad le bron ’g a fhagail, Bha obair chruaidh romp’ re’n cuairt ’s an fhasach s’. B’e meas a bhais am meas dh’fhas an Eden. ’S e ’rinn dhinn traillean ’s a dh’fhag sinn deurach. [TD 8] ’S e thug oirnn plaighean us cradh us creuchdan Gur meas thug dith air gach ni fo’n ghrein e. B’e meas an ardain e, meas an ainneirt, B’e meas na tarchuise, meas na h-aimhreit’. Gu’n toir e cairdean gu bhi nan naimhdean ’S e ’chuir an Cain a smaointinn aingidh. B’e meas na feirge, na ceilg, ’s an fharmaid; Meas a mhi-rian’ e, ’s nam miannan marbhtach, ’S e ’bhrigh am puinnsean tha ’claoidh an anama, ’S bho bhreith tha i ann an cridh gach leanabain. B’e meas nam mionn, an droch-ruin, ’s nam breug e; B’e meas na truailleachd, ’s na truaighe gheur e. ’S e dh’fhag fo chorruich us mallachd Dhe sinn; ’S gur h-e thug Iosa gu bhi fo chreuchdan. Is meas e ’thalaidh an raidean cli sinn; Tha sinn gu dian ’dol gu piantan siorraidh. Ar cogais mhuch e, ’s ar suilean mhill e; ’S gur h-e a dh’fhag sinn gun ghradh do Chriosda. ’S e ’thug ar ciall bhuainn ’s ar riaghailt stiuiridh; ’S e dh’fhag mar luing sinn gun chroinn, gun siuil aic’, ’S i air a fuadach sa chuan gun chursa, Fo mheinn gach stoirme, ’s an fhairg’ air tionndadh. Bu bhochd an iomlaid a rinn thu Adhaimh ’N la chuir thu dhiot t’eideadh rioghail aluinn [TD 9] ’S a chuir thu ’suas ’chulaidh dhuaichnidh ghraineil;— Bu luireach bhreun i de dh’eideadh Shatain. Bu luireach shrachdt ’i gun dreach, gun dealbh oirr’, Cha robh innt’ blàths ’us bha ’m bàs fo cearban. Bu ni nach b’fhiach i gu dion an anama Bho chlaidh’mh a cheartais ’tha lasrach, dealrach. Gur dubh an suaicheantas anns na blaraibh A bhratach ghruamach fo’n tainig Adhamh. ’N uair ’thig an t-Uan a thoirt buaidh le bhraithrean, Gu’n tuit an sluagh a bhios foip’, ’s an araich. O moladh dhasan a sheall ’n ar feum oirnn ’S a cheannaich slaint’ dhuinn na ghradh le ’chreuchdan. Gach aon ’shliochd Adhaimh a ni ris eisdeachd Bheir E do’n gharradh sin ’s fearr na Eden. TROCAIR DHE DO DH’ADHAMH. GU h-aingidh bhrist ar parantan ’S a gharradh cumhnant Dhe, ’S orr’ fein ’us oirnne tharruing iad Gach anshocair fo’n ghrein. ’S a mheas ’bh’air craoibh an eolais Gu’n robh caoidh, ’us bron, ’us plaigh. Bha gort, ’us fearg ’us leir-sgrios ann, Bha doruinn gheur ann ’s bas. [TD 10] Fhuair Adhamh gorach sealladh Air an eallach ’bh’air a dhruim, Gu’n d’chaill e choir air Pharras, ’S fhuair a namhaid e fo chuing. Bha chogais air a dusgadh ann Mar mhaor o’n chuirt is aird’ ’S ag radh ris, Tha thu toilltinn ’Bhi gad chlaoidh ’s tu aig a bhas. Gu’n tug an leagadh bronach e Gu bhi fo leon ’s a pholl, Bha fiachan trom r’am paidheadh aig’, ’S cha robh aig’ fairdinn lom. ’S an dorchadas bu mho bha e, Dh’iath neoil uime ie gruaim. Mu’n cuairt bha leoghuinn iargalta ’S b’e ’riasladh a bha bhuath’. Tre’n leagadh thainig Adhamh Gu bhi ’taillearachd an cuil; Oir chaill e’n t-eideadh aluinn’ bh’air, ’S bha nair air a bhi ruisgt’. A mhaise chaill e’s fhirinteachd, A naomhachd cridh’ ’s a shlaint’ ’Us chaill e ’chomunn solasach Bi Righ na gloir’, ’us adh. Bhiodh Adh’mh am priosan uamhasach A’fulang truaigh gu brach, Mur bhith gu’n d’sheall Iehobhah air Na throcair mhoir ’s na ghras.— Chuir Dia an ceill, ’s e ’geisdeachd ris, Gu’n tigeadh Treunfhear ard [TD 11] A bhruthadh ceann a Bhuaradair Gu buadhach ris an lar. Chreid Adhamh ’s Eubh an sgeula so ’S nan cridh’ dhuisg eibhneas suas; Bha ’ghrian a risd a dearrsadh ump’, ’S a sgaoileadh blaiths mu’n cuairt. Tre’n creideamh thainig slaint’ thuca, ’S fhuair iad do’n gharradh shuas, ’S gur taingeal iad do throcair ’S do’n Ti ghlormhor a thug buaidh. AR N-URRAS. BHO laimh Dhe ’n uair thainig Adhamh Bha gach ailleachd gnuis aige; Bha chridh’ dileas lan de dh’fhirinn, Cha robh sniomh no lubadh ann. Comunn dluth bha aig r’a Thriath B’e iarrtas bhi toirt umhlachd dha; Sona saibhir mar a b’aill leis, Cha robh càs no curam air. Chunnaic Satan mar a bha e ’S bha e lan de ghamhlas ris, Thug e ionnsaidh air gun dail, ’S fo sgaile cairdeis mheall se e, Bha nis Adhamh an staid bhronaich; Dh’fhalbh a ghloir ’s a shaibhreas bhuaith’, ’N cumhnant briste bha ’g a dhiteadh, B’ e ’m bas siorruidh thoillteanas. [TD 12] Gearr a chraobh a’s thig gu lar A geugan ard an nuas leatha. Mar sin thuit sinn uile an Adhamh, Thug e ’m bas le ’uamhas oirnn. Rinn e oighreachan air bron dhinn, Thug e coir do thruaighe oirnn. ’Dh’easbhuidh naomhachd tha ar nadar, Tha sinn lan de thruaillidheachd. Cliu do’n Ti tha uile-ghrasmhor, Cliu gu brach bho dhaoine dha. Cliu dha anns na neamhan arda, Cliu ’s gach ait de’n t-saoghal s’ dha. Cliu dha nach do dh’fhag E sinn A dhol gu dith ’n ar n-aingidheachd. Cliu dha, thug E gradh gun tùs dhuinn, ’S bheir E ’chuirt nan ainglean sinn. Mu’n robh cuan no talamh reidh ann, Mu’n robh reul no iarmailt ann, Mu’n robh aingeal seinn ’s na neamhan, Mu’n robh creutair riasant’ ann, Gheall am Mac an cumhant grais Tigh’nn ’thoirt ’n ar n-aite riarachaidh; Tigh’nn a nuas a cheannach coir Air gloir us solas siorruidh dhuinn. ’S an am iomchuidh thainig Ios’, Mar bha gach tir a’ miannachadh; ’S re a chuairt bha aobhar broin aig’, ’S iomadh doigh ’s an d’fhiachadh ris. Cha robh daoine a faicinn mais’ ann, Ged bu phears’ de’n Trianaid E; [TD 13] Bas ro-mhaslach thugadh dha, Bu mhor a chradh ’s na h-iarruinn ann. Thug E umhlachd do na h-aintean, ’S ann ’n ar n-ait’-ne ’rinn E sin; ’S chaidh a chorruich air a thaomdh ’Thoill na caoraich chaillte aige. Anns a chupan rinn E ol Bha nimh gu leoir, le’r n-aing’eachd-ne, ’Chur gu dith an t-sao’il gu leir ’S na bha air neamh de dh’ainglibh leis. ’S daor a cheannaich E na peacaich ’Bhrist an reachd gu h-ailgheasach; ’S cha’n e ni ’bhaige r’a fhaotuinn ’Thug do’n t-saogh’l gu’n tearnadh E. Cha robh mais’ aig’ annt’ r’a faicinn, ’S cha bhiodh tlachd gu brach orra. Bha gach aon a toilltinn truaighe; ’S gras bithbhuan thug slainte dhuinn. Moch Di-luain dh’fhag Iosa ’n uaigh, Bha righ nan uamhas ciosnaichte. Ris na h-abstoil us E falbh bhuap’ Ghabhail seilbh air ’n rioghachd aig’, Thuirt E, “Rachaibh feadh an t-saoghail, ’S bithibh saoithreach, dichiollach; Thoiribh eolas anns gach aite Air mo ghradh neo-chriochnach-sa. Do’n Ti chreideas bheirear saorsa Bho gach daorsa ’s traillealachd; Gabhar ris le Dia mar fhirean ’S m’eideadh fior-sa ’dearrsadh air; [TD 14] Bheir an spiorad naomhachd cridh’ dha, ’S cha bhi dith no failinn air Ach an ti nach eisd rium ditear ’S tilgear sios le ’namhaid e. AM FEAR-SAORAIDH. ’FHIR ’thug d’ aon mhac ’n ar n-aite ’Dh’fhulang bas a chroinn-cheusaidh, Dean a cadal mo dhusgadh, ’S thoir dhomh tur agus leirsinn. Thoir dhomh sealladh le curam Air an eallach do-ghiulaint’ ’Tha air m’anam ’g a mhuchadh, Agus dluthaich riut fein mi. Thoill am peacadh am bas dhuinn ’N uair ’thuit Adhamh an Eden, ’S bhiodhmaid caillte gu brach Mur sealladh gras bho uchd Dhe oirnn. Cliu do’n Ti sin ’thug gradh dhuinn ’S gu staid iosal a thainig Gu ar fiachan a phaidheadh, ’S a thoirt slaint ann an neamh dhuinn. B’e sin ioghnadh gach miorbhuil A bha riamh fo na speuran, ’N dara pearsa de’n Trianaid ’Bhi cho miadhail mu’r deibhinn, ’S gu’n do ghabh E ar nadar Ann an aonadh neo-fhail’neach [TD 15] A thoirt umhlachd ’n ar n-aite ’S ’cheannach slaint’ dhuinn le eirig. Cha b’i baintighearna phroiseil, Te le storas ’us eideadh, Fhuair de dh’urram a ghiulan, Ged bu chuirteil an ceum e. B’oigh ’bha saibhear, a mhathair, Ann an subhailcean nadair, Ach am bochduinn ’chaidh arach, ’S a fhuair sarachadh ’s deuchainn. ’N uair ’bha smaointinnean bronach An cridh’ Ioseiph mu ’cheile Thuirteadh ris ann am bruadar Gun ’bhi suarach mu deibhinn; Gur h-e cumhachd bho’n Ard-Righ ’Chuir gu miorbhuilleach sgail oirr’ ’S gu’m biodh mac aic’ a thearnadh Sinn na ghras duinn bho leir-sgrios. Thugadh ordagh mu’n tim so Leis an Iompaire, Cæsar, Daoine ’mheas anns gach rioghachd Agus tir bha ’toirt geill da. ’Suas chaidh Ioseph, mar dh’aithneadh, ’S a bhean chliuiteath a b’aille, ’S iad le cheile ’shliochd Dhaibhidh, Gu bail’ adhmhor Bhethlèhem. ’M feadh ’s a bha iad ’s an ait so Thainig la a mhor-eibhneis, Rugadh esan mu ’n d’innseadh Do ar sinnsreadh an Eden. [TD 16] Feadh an t-saoghail, duil laidir, Bha mu’n am s’ ri Fear-tearnaidh, ’S crochte suas bha na claidhean, Ann am blair cha robh feum orr’. ’S iad na buachaillean chaorach ’Bha ’s na raointean le’n treudan ’Fhuair an naigheachd ’s an oidhche Ris an d’rinn iad an t-eibhneas. Thainig teachdaire cinnteach, ’S thuirt e riu, “Tha mi ’g innse Sgeula fior a bhios binn dhaibh Anns gach tir gus an teid e. “An diugh rugadh dhuibh Slanaighear Ann an stabull Bhethlehem. ’S gur h-e’n Tighearna Dia E A tha riaghladh ’s na speuran. ’S e’n t-Aon-Ungte bha priseil Do na faidhean ’s gach linn E.— Rachaibh ’s gheibh sibh e sinte ’S e gun ni ach brat-speilidh. Bha na h-ainglean na’m miltean A’ dol cruinn air an reidhlean, Ann an trusganaibh geala ’S iad ri caithream, lan eibhneis. “’S binn a sheinn iad ag raitinn,— ’Gloir do Dhia anns na h-ardaibh, Sith air thalamh ’s gach aite, ’S gean us gradh do gach feumach.” ’N uair a dh’imich na h-ainglean Le’m binn-sheinn do na neamhan [TD 17] Dh’fhalbh na buach’lean le solas ’S fhuair iad Ioseph ’s a cheile. Sint mu’n coinnimh lag, ainnis, ’S e gun tur ach na leanabh Bha’n Ti ’chruthaich an talamh ’S a chuir anail ’s gach creutair. ’N uair a thainig na druidhean Do dh’Ierus’lem, gu h-eudmhor, A thoirt aoraidh do Chriosda, Theich a shith bho righ Herod. Chuir e roimhe na mhiorun Gu’n grad-mhortadh e Iosa, ’S e fo eagal gu’n spionadh E Bhuaith’ rioghachd Iudea. ’N uair a thugadh lan-chinnt dha As a Bhiobul mu dheibhinn Aite breith an Fhir-Shaoraidh ’Bha ’s an t-saoghal ri eiridh, Ris na druidhean os iosal Thuirt e, “Iarraibh-se Criosda, ’S ’n uair a gheibh sibh E, innsibh, ’S theid mi-fein dha a shleuchdadh.” ’Dh’iarraidh Ios’ chaidh na druidhean, Siubhlach, sunndach, lan-eibhneis; Sheas an reul a rinn iul dhaibh, ’S fhuair iad Prionnsa nan Neamhan. Air an gluinean a sios da Thug iad aoradh bho’n cridh dha, ’S chuir iad tiodhlaicean priseil Na laimh rioghail, ’toirt geill dha. [TD 18] Labhair Dia ris na h-uaislean ud Am bruadar mu Herod, ’S thuirt E riu iad ’g a sheachnadh ’N am dol dachaidh ’Chaldéa; Thug E dh’Ioseph aithn’ dhaingeann E a dh ’fhalbh leis an leanabh Us le ’mhathair, gu h-ealamh Sios do thalamh na h-Eiphit. Bha righ Herod fo bhuaireadh ’N uair nach d’fhuaradh leis sgeula Bho na druidhean mu Chriosda, ’S e ’g a iarraidh gu ’reubadh Am Bethlehem ’s mu’n cuairt da Mhort an t-Edomach uaibhreach A chlann oga le luath-sgrios; Bu bhinn-fhuaimleis an eubhach. An tir Pharaoh bha Ioseph ’Gabhaie comhnuidh le ’cheile Gus na leag am bas fhuar-lamh Air righ cruadhaicht’ Iudea. An deigh sin ann an Nas’ret, Baile suarach bochd taireil Thogadh suas an Ti ’thainig ’Thoirt gu grasmhor dhuinn reite. ’N uair a bhaisteadh le Eoin Aig abhainn Iordain an Treunfhear, Rinn an Spiorad a lionadh, ’S chualas binn-ghuth ’s na speuran; Guth an Athar ’s e graitinn “Is e so mo mhac gradhach, [TD 19] Earbaibh ris airson slainte, ’S d’a uil’-aintean lan-gheillibh.” Feadh Chlann-Israel Chaidh ’n Slanaighear ’Cur gu grasmhor an ceill dhaibh Soisgeul glormhor na sithe,— Grian na firinteachd dh’eirich! ’Siomadh sarachadh fhuair E, Bu tric sgith’dol mu’n cuairt E; Bha’n luchd-riaghlaidh lan fuath’dha, ’S iad ga ruagadh ’s ga bheumadh. Fhad ’s a bha E ’s an t-saoghal G’um bu shaoth’reach mar leigh E, Ghabh E truas de na daoine Bha fo dhaors’ ann an eucail. Thug E’n dall comas faicinn, Thug E’n bhodhar a chlaisteachd, Thug E’m fann gu bhi sgairteil, ’S chuir E’m bacach gu leumraich. Bha na spioradan graineil, ’Bha do Shatan a’ geilleadh, As na daoine neo-stolda Air am fogradh le ’threun-laimh. ’S gu’n robh cuid diu’rinn fianuis Gu’n b’e’n Ti E ’bha ’riaghladh, ’S bha sin soilleir o ’bhriathraibh:— Oh, na pian sinn, ’s e ’dh’eubh iad. Dh’eirich Iudas bho’n chaisg, ’Us e ri Satan ag eisdeachd, ’S reic E’n Slanaighear glormhor Airson oir nach d’rinn feum dha. [TD 20] Thug e thairis gun nair E, ’Se le poig a cur failt’ air, D’a luchd-glacaidh, ’s a gharradh; ’S bha Caiaphas lan-eibhneis. Bha nis Ios’ aig a’ naimhdean, ’S iad gu teann a toirt beum dha. Chaidh a sgiursadh gu craiteach, ’S ri crann ard chaidh a cheusadh. Bu ghoirt reubadh nan tairnean, Anam naomh bha ga fhàsgadh ’S Athair ’falach a ghraidh air;— ’S daor a phaidh e ar n-eirig. ’Thi tha’n cathair na gloire Dean oirnn trocair ’s sinn feumach; Tha ar cridheachan graineil ’S bhristeadh d’aintean gu leir leinn. Thoir dhuinn Spiorad na firinn ’S dean ar n-aonadh ri Criosda. Maith ar lochdan ’tha lionmhor, ’S biodh ar n-imeachd ’s gach ceum leat. PRIONNSA NA SITH. GLOIR us moladh do’n Ard-Righ Nach do dh’fhag sinn fo dhiteadh Airson aingidheachd Adhaimh ’Thug d’ar namhaid fo chis sinn. Thug E seachad Aon gradhach ’Cheannach slaint’ dhuinn le ’iobairt. [TD 21] ’N aite fasgaidh nam bruidean Rugadh Prionnsa na sithe. Rugadh Prionnsa na sithe An staid dhiblidh gun ailgheas, ’S bha e eolach air truaighean Re a chuairt anns an fhasach s’. Dh’fheum e teicheadh do’n Eiphit— Roimh righ Herod, ’na phaisde. Do dhaoin’ iargalta’n t-saoghail Bha’m Fear-Saoraidh gun ailleachd. Bha’m Fear-Saoraidh gun ailleachd ’N sealladh ard a luchd-duthcha, ’S iad ’g a ruagadh ’s gach aite ’S ga shior-chaineadh ’s ga dhiultadh. Chaidh a ghlacadh ’s a gharradh Leis a phairtidh ’bh’ aig Iudas; ’S thug gach duine dha tamailt Ann an lathair na curtach. Ann an lathair na curtach Chuireadh cul ris an t-Slanaighear. Air a Dhiadhachd uil’-ghlormhor Bha an fheoil a cur sgaile. Do na fianaisean breige Thugadh eisdeachd gu cairdeil; Mar an leoghann, ’s e riasladh, Bha’n luchd-riaghlaidh a b’airde. Bha’n luchd-riaghlaidh a b’airde Guineach, dana lan fuath’ dha. ’S rinn na seirbhisich thrailleil Gu neo-sgàthach a bhualadh. [TD 22] An Ti chruthaich an saoghal ’Us gach aon a th’air uachdar ’S dha’n robh ainglean ag aoradh Bha clann-daoine ’cur suarach. Bha clann-daoine ’cur suarach An fhir thruacanta ’sheall riu’; ’N fhir a thainig g’ar saoradh ’S sinn an daors’ aig ar naimhdean. Chaidh ’m Fear-Saoraidh a dhiteadh Dh’ aindeoin fhirinn ’s a chaoimhuas; Chaidh a ghuaillean a rusgadh ’S chaidh a sgiursadh gu h-oillteil. Chaidh a sgiursadh gu h-oillteil Ged nach d’rinn E riamh eucoir. Chuireadh sgarlaid ’us crun air ’S air an gluinean a sleuchdadh Bha ’luchd-fuatha ag radh ris, Gu ma slan righ Iudea. Chuir iad smugaid na aodann; ’S iomadh aon a thug beum dha. ’S iomadh aon a thug beum dha, ’S iad gun leirsinn nan truaghainn. Dh’fhag an crann e fann bruite ’S e ’g a ghiùlan a suas leis. Leis na tairnean chaidh reubadh, ’S chaidh a cheusadh gun truas ris.— ’S iad ar peacannan lionmhor-ne ’Chuir sint’ anns an uaigh E. Chuireadh sint’ anns an uaigh E, ’S bha ’luchd-fuatha lan-eibhneis. [TD 23] Fhuair iad cuibht’ ’us am Firean ’Bhiodh ’g an diteadh nan eucoir.— Cha do chumadh fo chis e Leis an righ sin dha’n geillear; Moch Di-luain thug E buaidh air, ’S as an uaigh rinn E eiridh. As an uaigh rinn E eiridh, ’S e gun chreuchdan, gun leon air; Chuir E ’chaoraich ri ’cheile, ’S ri ’ghuth dh’eisd iad le solas. Chaidh E suas mar-ri Athair, ’S shuidh E’n cathair na glorach; ’S tha E ’cuireadh g’a ionnsaidh Cinnich ’s Iubhaich ’n a throcair IRIOSLACHADH CHRIOSDA EIRICH, anaim neo-bhasmhoir, Seall an aird ris an Triath ’Cheannaich coir dhuit air aite ’N tir an aidh mar-ri Dia. Rach a dh’ionnsaidh Chalbhari, ’S chi thu, ard air an t-sliabh, Far’n do chuireadh gu bas E, ’S iad ga aicheadh gun chiall. Ged a bha E bho Shiorruidheachd Anns an rioghachd bu mho, Cha do dhiult E le tamailt Tigh’nn g’a arach le oigh.— [TD 24] Ma ’s e bean ’thug am bas oirnn ’S bean ’thug Slanaighear oirnn; Ghiulain Moire tri raithean Mac do dh’Ard-Righ na gloir’. Ged a bha i ’n t-sliochd rioghail Cha robh ni aig an oigh; ’N aite fasgaidh nam bruidean ’Rugadh Prionnsa na gloir’. Fhuair na buach’llean E sinte, ’S e gun riomhadh ’g a choir, Anns a phrasaich an uaigneas, Bha’n leab’ suarach gu leoir. Fo’n lagh ’bhrist sinn an Adhamh ’S a thug bàs oirnn us truaigh’, Thainig Prionnsa na slainte, Ann an aite a shluaigh, ’Thoirt do cheartas an riarachaidh Bh’ air iarraidh leis bhuath’, ’S a thoirt umhlachd neo-fhailneach Do na h-aintean re ’chuairt. ’N uair a ghabh E ar nadar Chuir E sgail air a ghloir Rinneadh dimeas us tair air, ’S e gun aite, gun doigh. ’S iomadh aon ’bha toirt fuath’ dha ’S bha gu cruaidh air a thoir. Bha E eolach air tart Air sgios, air acras, us bron. Corruich Dhe chaidh a dhortadh Air gun sòradh ’n ar n-ait’; [TD 25] B’eallach trom air gach doigh i, Thug i bron air us cradh. Ann an gàrradh an t-sleibhe Bha gach feith dheth ’n cruaidh-spairn, ’S anam naomh ann an doruinn, Bha E bronach gu bas. Thug E seachad mar iobairt A chorp priseil air crann, ’S uile lochdan a shluaigh air, Eallach uamhasach, trom. Phaigh E’n cheartas neo-chriochnaicht ’Na bha dh’fhiachan aig’ oirnn’.— M’anam seall air a ghradh dhuit, ’S bith’m gach la dha tigh’nn beo. ’S ann air seachduin na caisge ’Chuireadh lamh ann an Criosd. Dh’eirich Iudas gu dana ’N uair chaidh Satan na chridh Chaidh e ’s ghlac e gun sgàth E, ’S e ’cur failt’ air le foill.— Reic e anam ’s a Mhaighstir, ’Us cha b’fheaird e na buinn. ’N uair a ghlacadh an Slanaighear Theich a chairdean gu leir, ’S iad gun chuimhn’ air an gealladh A dhluth-leanachd ’s gach ceum. Ann an talla Chaiaphais, ’S mionnan graineil na’ bheul, Dh’aicheidh Peadar gu dalma Gu’m b’fhear-leanmhuinn air e. [TD 26] ’N uair a bha E air beulaobh An luchd-riaghlaidh ’sa chuirt, Thug gach duine dha tamailt Mar neach taireil nach b’fhiu. Chaidh a chaineadh mar mhealltair ’Bha ri call feadh na duthch’; ’S ann am feirg a luchd-fuatha Chaidh a bhualladh le duirn. Thugadh Iosa gu Pìlat Le ’luchd-mioruin gun truas, Siad gu guineach ag eubhach Ceus E, ceus E gun truas. Thug am breitheamh gun fhirinn A cheart-bhinn a bha bhuath’; Ged bha ’chridhe ’ga dhiteadh Thug e Ios’ da luchd-fuath’. Chaidh a sgiursadh gu guineach Le trom-bhuillean mar thraill; ’Fhuil bho ’chreuchdan gu siubhlach Bha ’ruith dh’ionnsaidh an lair. Chuir na saighdearan suarach Ceannard buadhach na slaint’; Rinn iad fanaid mar righ air, ’S iad gun suim ac’ de ’chradh. Bha ’chrann ceusaidh r’a ghiulan Aige dh’ionnsaidh nam beann; Dh’fhag an t-eallach sin bruit’ E, ’S E le ’sgiursadh lag, fann. Chaidh a sparradh le ord ris Le ’luchd-foirneirt gu teann; [TD 27] Bha ’fhuil luachmhor ’ga dortadh, ’Se an doruinn ’s gach ball. ’Measg nan ciontach chaidh aireamh, Ged a bha E gun gho; Cheusadh mar-ris da mheirleach, Thugadh tair dha ’s gach doigh. ’S iomadh aon a bha ’g eubhach, ’Saor thu-fein ma ’s tu Criosd; Thig a nuas dhe’n chrann-cheusaidh, ’S bheir sinn geill dhuit mar righ. ’N uair a ghlaodh E ’bhi pàiteach Deoch a b’fheaird E cha d’fhuair; ’S e fion-geur agus domblas Chaidh a thairgse dha ’suas. ’N fhearg a dh’ fhaodadh ’bhi oirnne ’N aite bhroin us na truaigh’, Bha mu ’cheann-san a dortadh, ’S E an doruinn ’bha cruaidh. Chaidh a ghrian ’bha ’toirt soluis Ann am falach le gruaim ’N uair a chunnaic i’n diol A bh’air a Triath le droch shluagh. ’N uair thug Iosa ’suas anam Chrith an talamh mu’n cuairt; Bha na creagan a sgealbadh ’S dhuisg na mairbh as an uaigh. Leis a chomhairlich’ fhiachail Chuireadh Ios’ anns an uaigh, ’S bho Dhi-sathuirn’ na shineadh Bha E innt’ gu Di-luain. [TD 28] Ach air maduinn an la sin, Air a bhas thug E buaidh, As an uaigh rinn E eiridh; ’S thainig eibhneas gu shluagh. Chunnaic daoine gu glormhor Air na neoil E ’dol ’suas Dh’ionnsaidh cathair na morachd ’Mhealtuinn solais bith-bhuan. Dhoirt E ’n Spiorad, mar gheall E, La na Caingis a nuas, ’S dh’fhalbh na h-Abstoil gu h-eudmhor A thoirt sgeul air do shluagh. DOILLE NAN IUBHACH. ’NUAIR a thainig an Ti A thug bith do gach ni ’Ghabhail comhnaidh ’s an tir s’ re uine Bha ’leap suarach gu leoir, ’S e na naoidhean gun treoir, Cha robh baintighearnan proiseil dluth air. ’S iomadh allaban sgith ’Fhuair a mhathair ’g a dhion, Dh’fheum i ruith leis bho thir a duthchais. Fhad ’s a bha E ’s an fheoil Bha E eolach air bron;— ’S e ar peacadh-ne ’leon ’s a bhruth E. Cha robh mais’ air no loinn Cha robh tlachd air no aoibh [TD 29] Ann an sealladh sluagh aingidh ’dhuthcha. Cha bu leir dhaibh fo’n chleochd ’Bha ’cur sgail’ air a ghloir, Gu’n robh’n doille bu mho ’g am muchadh. Cha do bheachdaich iad riamh Gu’n robh ’cheartas gun ghiamh ’S nach robh peacadh na ghniomh r’a chunntas, Air an cridheachan cruaidh ’Bha lan farmaid is fuath’ Cha robh ’fhirinnean buan a drughadh. Ged a bha E an toir Air an tearnadh o bhron ’S an toirt mar-ris gu gloir a luchairt’, ’S ged a b’aill’ E na ghrian Ann an airde nan nial Tigh’nn fo sgailibh a sgiath’n cha b’fhiu leo. Thuirt iad ris gu’m bu shaor E gun bheairteas gun mhaoin, ’S gu’m bu Ghalil’ach claon gun tur E; Gu’m bu chompanach gaoil E do pheacaich ’s do mhaoir, ’S nach robh meas air aig daoine cliuiteach. Thuirt iad ris gu’m b’fhear-poit’ E ’bhiodh suidhe mu’n bhord Ann an comunn ri geocaich bhruideil; Gur h-e droch dhuine ’bh’ann ’Bha ’cur creidimh air bhonn ’Bheireadh sgrios air an teampull Iudhach; Gur h-e’n Diabhol a bha ’Toirt a chomasan dha [TD 30] ’S gur h-ann ’bha E na phlaigh ’s an duthaich. Bha iad aineolach, coirbt’ Bha iad an-iochdmhor doirbh, Bha iad ceannasach borb ’ga dhiultadh. Ged bha oibribh gach la Nochdadh caoimhneis us graidh, ’S e ’fhuil ’dhortadh gu lar ’bha ’run orr’ An dubh-mhealltair gun nair’ Thog na adhaidh a shail, ’S chaidh a ghlacadh’sa gharradh chubhraidh. Rinneadh tair air mar fhaidh’, Chaidh a dhiteadh gu bas, ’S chaidh le buillean gun bhaigh a sguirsadh; Le ord guineach gu teann Chaidh a sparradh ri crann, Fuil na reit’ troimh gach toll bha ’bruchdadh. Gu’m b’e ’n t-ioghantas mor ’N Ti ’bha ’n cathair na gloir’ ’Thigh’nn a nuas anns an fheoil g’ar n-ionnsaidh; Moladh siorruidh biodh dha Airson seasamh ’n ar n-ait’, Fhuair Ecoir dhuinn air slaint’ le umhlachd. Chuir E gaisgeil am blar ’S ged a thuit E gu lar Dh’fhag E ’naimhdean ’san araich ciuirte. Air a bhas thug E buaidh, Dhuisg E slan as an uaigh, ’S ann an neamh chaidh mar dhuais a chrunadh. Thaisbein Iosa ’s gach doigh Gu’m b’e Dia anns an fheoil; [TD 31] Chaidh a mhiorbhuillean mor thar cunntas, Thug E leirsinn do’n dall, Do na bhalbh thug E cainnt ’S chuir E spionnadh san fhann bhochd, thursach; Chaidh an fhairge gu sith ’N uair a labhair E rith’; Thug na tuinn mar an Righ dha umhlachd. Na droch-spioradan ghluais Mach air fhacal a sluagh, Us na mairbh rinn E suas a dhusgadh. ’Dhe, seall oirnne ’nad ghradh, ’S na leig leinn ’bhi ri tair Air an Ti ’thug ’n ar n-aite umhlachd. Thig do’n ghleann so le d’shlaint’ ’S cuir air ghluasad gach cnamh A th’air tiormachadh bàn gun sugh annt’. Seid orr’ anail nan gras, Thoir air feoil orra fas, Agus uisgich bho neamh le druchd iad. Thoir orr’ eiridh ’suas slan Nan treun-armailt gun sgàth A bhios dileas ’s gach blar d’am Prionnsa. BREITH PHILAIT. AM breitheamh dan ann am prois a chridh’ Air cathair aird shuidh ’thoirt breith air Ios’. Bha ard-dhaoin’ uasal gle-thiugh mu’n cuairt-dha, ’S nan suil bu shuarach ’bha Prionns’ na sith’. [TD 32] A bhean chuir teachdaireach thuige, ’g radh Na bean do’n fhirean a tha nad lath’ir. Le sealladh uamhasach ann am bruadar Bha mise truagh dheth ’n diugh air a sgath. An sluagh nan ceudan, ’siad lan de dh’fhuath Gun sgur bha ’g eubhach a mach gu cruaidh Bi ’d’dhuine dileas air taobh ar n-Iompair’, Dean Iosa ’dhiteadh, ’s na feuch dha truas. Am breitheamh morchuiseach bha na thraill Do’n fhirinn oirdheirc cha robh aig gradh Cha’n fhacas ni leis ’bha cearr an Iosa Gidheadh b’i ’bhinn gu’n cuirte E gu bas. A mortair milteach a thoill ’bhi ’n sàs Chaidh as a phriosan a liubhairt slan; ’S chaidh Iosa ’s giursadh le buillean druidhteach, Bha’fhuil gu siubhlach a’ ruith gu lar. An Ti le’mhiar a rinn tir is cuan ’S bho thùs ’bha riaghladh am flaitheas shuas Bha daoine’reubadh le tairnean geura; Chaidh Iosa ’cheusadh ri crann gun truas. Thug Iosa buaidh air gath fuar a bhais; Cha d’chum an uaigh E ach la no dha. Roimh sholus greine Diluain gu’n d’eirich E ’S e gun chreuchd air, ach leigh’ste, slàn. An diugh tha Iosa bho ’rioghachd aird A’sealltuinn ’nuas oirnn le truas gach la, ’S ’g radh, Pheacaich bhronaich do chridh ’thoir dhomhsa Us bidh tu beo leam an gloir gu brach. [TD 33] MOLAMAID IOSA. O MOLAMAID an Ti sin Do ’n tir so a thainig A cheannach le ’fhuil phriseil Dhuinn siochaint, gu grasmhor. ’S a bhaile san taigh-osda Do ’n oigh cha robh aite ’S a phrasaich ’sann a fhuair Na caomh-bhuach’lean an Slanaighear. Bha Herod air a bhuaireadh ’N uair ’chual e gu’n tainig An Ti a chaidh a ghealltainn, ’S gu teann thug e aithne Do dhaoine iad a spìonadh Bho chiochan am mathar Gach naoidhean am Bethlèhem ’S an reubadh le ’n claidhean. ’N uair thoisich am Fear-Saoraidh ’Measg dhaoine air imeachd ’G an teagasg ’us ’gan tearnadh, A naimhdean dh’fhas lionmhor. Na sagartan gu h-araid Bha ’g àrach dha mioruin ’S a teagasg gu’m bu mhealltair A thoill’ chur gu dith E. Bhrath Iudas e gu h-aingidh ’S gu teann rinneadh greim air, Chaidh ’dhiteadh leis an uachd’ ran Neo-thrucanta, fheineil. [TD 34] An Ti a rinn an saoghal, Bha daoine ’ga ’reubadh. Chaidh ’sgiursadh leo gu h-oillteil ’S air craoibh chaidh a cheusadh. ’S e peacannan a shluaigh ’Thug a nuas bho staid aird E. Ghabh E uil’ air fein iad ’S gu’m b’eire iad ’bha graineil. A nis bho chathair ghlormhoir ’Na throcair ruinn tha E ’G radh,—“Seallaibh rium ’us bidh sibh ’N am rioghachd gu brach leam. ’S e ’n toiseach E, ’s e chrioch E, Ged chinn E shliochd Adhaimh, ’S e ’n leoghunn a thug buaidh E, ’S e ’n t-Uan a fhuair bas E, Gur Sagairt E, ’s gur righ E Nach diobair a chairdean, ’S gur faidh’ E tha na throcair Toirt eolais’ na slaint dhuinn. ’Dhe, seall ad chaoimhneas ormsa An dorchadas tha mi, Le d’Spiorad thoir dhomh leirsinn, Thoir speuclair nan gras dhomh. ’S gu’m faicinn am Fear-Saoraidh ’Na naomhachd ’s na ailleachd, ’S gu’m bithinn a toirt aoraidh Gun chaochladh gu brach dha. [TD 35] MOLADH AN LEIGH. DO’N Lighich’ le ’bhas ’fhuair slaint’ dhuinn ’s sonas, Gach la biodh moladh ’dol suas Gach aon a fhuair sgeul air eifeachd fhala Le bheul mu ’mhaitheas biodh luaidh. Bha sinne ’n ar traillean graineil, salach, Is lan de ghalairean buan, ’Sa siubhal le’r naimhdean aingidh, foilleil, Gu teann ’n ar doille do thruaigh’. ’N Ti ’chruthaich an speur, mhuir reidh, ’san ealamh, Am feur, an t-anam, ’s gach ni; ’S bha ’faotuinn ard chliu an cuirt nan aingeal, Re uin’ bha fanachd ’s an tir s’. A’ cheannach dhuinn slaint’ ar nadar ghabh E, ’S air cradh bha aithn’ aig’ ’s air ogios Bha daoine mi-naomh an t-saogh’l nan doille, Dha ’faotuinn coire gu dian. Na h-Iubhaich, gun tur chuir cul gu buileach Ri’m Prionns’ s E ’fulang nan ait Chaidh ’dhiteadh gun truas le ’n uachd’ran carach Tre fhuath nam Pharasach ard. Chaidh aodach ’thoirt nuas ’s bu chruaidh na buillean ’Fhuair guaillibh curaidh na slaint’, Chaidh sgitheach nan gleann gu teann a’ sparradh Mu ’cheann le fanaid us tair. [TD 36] Chaidh ’cheusadh le ’naimhdean aingidh neamhail Ri crann an sealladh nan ceud. Bha gathan a bhais dol’ sas na chridhe S ’fhuil bhlath a sileadh gu reidh Am peanas a thoill ar n-aingidheachd dhuinne Ga caoimhneil dh’fhuiling ar Leigh; Ar peacannan graineil bha air uile; A ghradh co ’chuireas an ceill? Aig Lighich’ na gloir tha’n t-eolas barraicht’ Air leoin us galairean sluaigh; Gu’n glan E bho chreuchdan breun an t-anam, Tha eifeachd fhala do-luaight. Tha chridhe lan baigh ’s gu brach cha chuir E A lathair duine le gruaim. Gu saor bheir E slaint’ do thraillean falamh Le gradh a sheallas ris suas. Ri daoine ’s gach ait ’bu bhaigheil ’bhuin E ’N uair ’bha E fuireach ’s an t-saogh’l, Gur h-iomadh neach truagh a fhuair a shealladh ’S bha ’luaidh ’s gach baile mu ’ghaol, Na lobhair ’bha ’cnamh gu bas le’n galair Gu’n d’fhag E fallan gun ghaoid; ’S na spioradan graineil, dan’ gu h-ealamh, Air aithne dhealaich ri daoin’. ’N uair ’thig latha ’mhoid ’bhios mor le chumhachd Thig beo gach duine de ’shluagh, ’S gach aon diu gu brach bidh slainteil, fallan, Cha ’n fhagar galair riu fuaight’. [TD 37] Gach aon leis an aois ’bha aodann preasach ’S a dh’aom leath’ thairis do’n chill Bidh aidhearach glormhor, og, gun deireas, Is ceolmhor, ceileireach, binn. Gur sona na daoin’ ’fhuair saors’ o’n mhallachd ’S le gaol ’s an t-solus ’tha ’gluas’d, An Ti ’thug dhaibh slaint’ tha ghnath nan sealladh ’S an fhasach ainsheasgair fhuar. Ged tha iad an drast an cradh ’s a gearan Bidh slainte mhaireann ac’ shuas. Cha’n fhaicear an gloir na deoir a’ silleadh Tre dhoruinn cridhe le gruaidh’n. GRIAN NA FIRINTEACHD. ’N UAIR dheirich Grian na Firinteachd Le ’gathan dileas blàth, Bu mhor a bha de dh’fheum oirre, Bu deisneach cor gach ait’. Na cinnich bha gun eolas air Iehobhah ’s a lagh ard, ’S na h-Iubhaich nam fein-fhirinteachd Bha sealltainn sios air gràs. ’N uair dh’eirich i bha gairdeachas Air ainglibh arda Dhe,— Gu’n tainig pairt gu talamh dhiu, ’S cliu caithreamach nam beul, [TD 38] A dh’innse do na buachaillean ’Bha ’cuartachadh an treud, Gu’n d’eirich i le slaint’ innte Do shluagh gach ait fo’n speur. ’N uair dh’eireas Grian na Firinteachd Air peacach diblidh suas Gu’m faic e chiont ’s a ghrainealachd ’S a thraillealachd ’s a thruaigh. Gu’m faic e mar a bha e ’Deanamh tair air fuil an Uain, Gun smaointinn air an t-siorruidheachd ’S e ’dol gu priosan buan. Gu’m faic e gradh an Fhirein sin A sheas cho dian na àit Fo’n chorruich sheirbh ro-dhoruinnich, ’Dh’fhag bronach e gu bàs. Gu’m faic e luach na fala sin D’a anam cheannaich slainnt’, ’S a leigh ’seas bho gach galair e Tha’m falach ann ’g a chnamh. Gu’m faic e neart a ghairdein sin A thug air Satan buaidh ’S a bhrist gach ceangal laidir ’Bh’ aig a bhas air anns an uaigh, Gu’m faic e gloir na gnuise Air ’n do rinn na h-Iubhaich tair, ’S na lath’ir bidh sòlas cridh’ aige, Gu’m fas e tìnn le gradh. Gu’n cuir e cul ri diomhanas ’S theid e gu dian air ghluas’d [TD 39] Gu baile maiseach Shioin Anns a bheil an Ti thug ’buaidh. Ged gheibh e iomadh sarachadh ’S an fhasach thioraim chruaidh, Cha ’n iarr e ’bhi mar b’abhaist dha, ’S an Eiphit ghraineil thruaigh. Le ’armachd dhealraich fhior-mhaith Theid e sios do’n stri’ gu teann. Le laimh chuir Iosa ’n fhireantachd A bheir dha sith, mu chom. Tha’n sgiath sin aige mhùchas Saighdean teinnteach dluth ar naimh; ’S tha claidheamh geur an Spioraid Gu neoghioragach na laimh. Fo dhearrsadh Grian na Firinteachd, ’S a chridh’ bidh sìth a fas Gu’n toir i ’reothadh millteach as ’S gu’n lion i e le blàths. Gu’m fuadaich i as aineolas Is anshocair gu brach. ’S gu’n deasaich i’s gach doigh e Airson gloir’ an tir an aidh. Gu’n eirich Grian na Firinteachd Air sluagh gach tir ’fo’n speur, Le slaint’ aice na sgiathaibh, ’S mar laoigh bhiat’ theid iad gu leum. Gu’m faic na cinnich fhiabhaich i, ’S gu’m miannaich iad a blàths; Gu’m faic na Turcaich bhruideil i, ’S na h-Iubhaich dhall, ’s gach ait. [TD 40] Na neart bidh Grian na Firinteachd A’ dearrsadh ’n tir na gloir’, Cha’n fhaicear aomadh tearnaidh oirr’, ’S cha tig oirr’ sgail no neoil. ’S an tir sin cha bhi dorchadas No fuachd no stoirm no ceo; ’S cha bhi aon neach fo eislean ann, No sgios no creuchd no bron. A Dhe ’tha iochdmhor, fàbharrach, Seall orms’ ad ghras bith-bhuan. Do Spiorad dean a dhortadh orm, ’S thoir beo mi as mo thruaigh’. O feuch dhomh gloir na greine sin ’M Bethlèhem ’dh’eirich suas, Is biodh a gathan grasmhor A tigh’nn orm gach la a nuas. CUIREADH AN T-SLANAIGHEIR. THIGIBH am ionnsaidh, tha Iosa ’g ràdh ruinn, ’S bheir mi gu grasmhor dha’r n-anam sith; Ged ’tha ’ur grainealachd dearg mar sgarlaid Mar shneachd an fhasaich gu’m fag mi sibh; Bidh mi’n am bhuachaille re ’ur cuairt dhuibh ’S bho’r naimhdean fuathach ni mi’ur dion. ’S aig la’ur bais bheir mi seilbh air ait’ dhuibh ’S an rioghachd adhmhoir a tha gun chrich. A pheacaich thruaillidh nach toir thu cluas dha, Neach dean thu gluasad is dol na dheigh. [TD 41] Cha bhi tha buan anns an t-saoghal thruagh so, Gur gearr an uair gus an tig an t-eug. Ma’s ann an storas a tha do shuaimhneas Gur bochd a bhuannachd dha’n tug thu speis! ’N uair theid do ruagadh le righ nan uamhas Cha toir thu’n uaigh leat ni ’ni dhuit feum. Ged ’s e do stòras do shòlas inntinn ’S tu ’deanamh iomhaigh dheth ’d’chridhe breun Cha cheannaich miltean dha d’anam siochaint ’N uair ’bhios do bhinn air a’ cur an ceill; Le Ananias agus Sapphira Bidh tu gu siorruidh fo dhiteadh Dhe Le Iudas sanntach a reic a Mhaighstir Bidh d’anam aingidh a’ fulang pein. Na rach le d’ghoraich a sios gu doruinn A diultadh trocair bho lamhan Dhe, Na creid an Diabhol, na eisd r’a bhriathran ’S e ’tha e’g iarraidh do thoirt leis fein. Thig agus imich le d’uile dhichioll An sligh’ na Firinn tha direach, reidh. Dean fuireach innte ged gheibh thu dimeas Bho luchd do mhioruin nach tig a’d’dheigh. Tha Criosda ’tairgse gun airgiod diolaidh Do’n neach a’s diblidhe ’tha fo’n ghrein An t-uisge beo sin a chaisgeas iotadh ’S am mana fior air am beil aig’ feum. Cha daoine saibhir a thagh ’ar Slanaighear ’Dhol do gach aite mu ’ghradh a dh’inns’, Ach daoin’ ’bha suarach an sealladh uaislean ’S ’bha cleachdte ri cruadal air cuan is tir. [TD 42] Cha’n ann le morchuis a gheibh sinn eolas Air ’n t-sligh’ ’tha ’treorachadh ’dh’ ionnsaidh Dhe Cha daoine laidir gun lot, gun fhailinn Ach daoin’ neo-shlainteach a dh’iarras leigh. Gach aon ’tha’n trocair a cur a dhochais Tha leointe, bronach ’s a faicinn fheum’, ’S e ’bhi an Criosda lan-shaor o dhiteadh Is Dia an sith ris air ’bheil a dheigh. Ged bha an Slanaighear ’s an staid a b’airde Gu grasmhor thainig E ’nuas do’n tir s’, Ghabh E ar nadar, sheas E ’n ar n-aite, ’S ar n-eirig phaigh E le fuil a chridh’. Nach faic thu’n gradh ’th’ ann, a pheacaibh ghraineil, Tha doimhne’s airde ann nach gabh inns’. ’S ann airson dhaoine nach robh ’toirt gaoil dha ’S a thoill ’bhi’n daorsa a dh’fhuiling Ios’. Gur mor an suaimhneas a th’ aig’ an t-sluagh sin ’Tha ’dol le cruadal troimh’n turas sgith. An Spiorad glormhor nan cridh’ tha chomhnuidh S a toirt dhaibh eolais air mais’ an Righ. Ged gheibhear cradh leo, bidh iad ri gaird’chas, Tha ac’ ’s an t-Slanaighear a h-uile ni, ’S cha dealaich amhghar no gort no claidhean No doimhn’ no aird’ iad bho ghradh do-innst’. Tha grian na firinteachd oirnn air eiridh, ’S tha slaint’ fo sgeith aice do gach sluagh; [TD 43] A ghaoithibh seidibh an naigheachd eibhinn Do thiribh ceine thar tonnaibh ’chuain. A Dhe na gloire seall oirnn an trocair, ’S buin as ar feoil an cridh’ reota cruaidh; Thoir sinn gu geill ’thoirt do’n Ti chaidh ’cheusadh ’S gu ’bhi le speis dha na chomunn ’gluas’d. SAORSA TRE FHUIL AN UAIN. A PHEACAICH gun sgàth nach faic thu am bàs ’Tigh’nn dluth ort gach la le ’gheur-ghath; Cha’n fhad ’s am bi thu gun aithne, gun tùr, ’Nad shineadh ’s an uir gun leirsinn. Do chridhe gu dluth bidh ’leaghadh gu smur ’S do theange gun luths fo d’dheudaich; Bidh durragan granda gabhail an sath ’S do chorp uile graineil deisneach. Ma ’bheirear thu’n chill’s tu fuathachadh chriosd’ Do thruaighe neo-chriochnaich theid thu. Dhiot ruisgidh am bas gach comhdach a tha An diugh ort mar sgaile breige, Is chi thu le fiamh gach olc’rinn thu riamh ’S tu ’diultadh do mhiannan ’threigsinn; Bidh d’anam bochd truagh a’ gearan gu cruaidh Mar ’bhuilich thu cuairt do reise. Tha Criosda gu saor a tairgs’ do gach aon ’Tha ’gluasad an saogh’l nan deur so A pheacannan graineil ’mhathadh gu brach Ma thig e fo sgail’ a sgeithe.— [TD 44] ’S E tobar na slaint’ ’chaidh fhosgladh le gradh Do dhaoine bochd paiteach creuchdte; ’S E ’charraig nach aom, tha dion ann do dhaoin’ A dh’aindeoin gach gaoith a sheideas. An coicheangal grasmhor chaidh E’n ar pairt, Gu h-iriosal phaidh E’n eirig; Fo’n mhallachd’n ar n-ait’-ne dh’fhuiling E’m bas, ’S bu shoilleir a chràdh do cheudan. Le daoine gun truas chaidh ’sgiursadh gu cruaidh Bha fhuil ruith gu luath troimh ’chreuchdan. Bha sgitheach nan gleann ’ga fhitheadh mu ’cheann ’S na biorran gu teann ’g a reubadh. Gu’n d’ghiulain E’n crann ri aodann nam beann, Bu lag agus fann a cheum leis, Chaidh ’thogail an aird ’s e uil’ ann an cradh, Le bioradh nan tairnean geura. Am falach chaidh ’ghrian ’n uair chunnaic i’Triath ’Dol bas air an t-sliabh an eigin. Chrith ’n talamh gu garbh, na creagan cruaidh sgealb, Dhuisg cuid de na mairbh is dh’eirich. Nach faic thu an sluagh do chala nam buadh A fhuair thar nan stuadhan beucach. Tha sonas is sith a lionadh gach cridh’, ’S cha sgarar iad ’chaoidh bho ’cheile. Tha’n truaighean aig crich, tha cruinn air an cinn, Gu binn tha iad ’seinn le eibhneas, ’Toirt molaidh is cliu ’dh’Fhear-saoraidh an ruin ’Thug sabhailt’ ’g a ionnsaidh fein iad. [TD 45] ’N uair ’theann iad ri falbh bha’n t-slighe dhaibh dorch, ’S mu’n cuairt dhaibh bha’n stoirm a’ seideadh; Gu’n robh iomad ni ’cur eagail nan cridh’, Bha’m peacannan lionmhor eitidh; Chaidh sgapadh ’s na neoil ’bha cur orra sgleo, Is chunnaic iad gloir an Treunfhir; Le creideimh na ghradh ’s na umhlachd nan ait’, Iad fein thug iad dha le eibhneas. Cha’n airgiod no or a dh’ullaicheas lòn Do’n anam ge mor ar deigh orr’; Cha toir thu fo’n fhoid ach ciste nam bord, ’S ged ’gheibheadh tu’n còrr ’s beag feum ann. Bi ’gluasad gach la an slighe na slaint’ Gun ’bhi ris an namhaid ’g eisdeachd, ’S bheir Dia dhuit ’bhi ’g òl nan uisgeachan beo Th’aig cathair na trocair ’g eiridh. A Righ ’tha gu h-ard seall orm-sa air sgàth ’N Ti cheannaich dhomh slaint’ le ’chreuchdan; Cuir Spiorad nan gras le leigheas an aidh G’am ionnsaidh nad ghradh ’s mi feumach O bean ri mo chridh is thoir mi gu ’bhi Ri facal na firinn ’g eisdeachd. Ri m’anam dean sith is stiuir mi nad shligh, ’S mi teannadh gu crich mo reise. [TD 46] BRUADAR FAOIN NAM PEACACH. GUR-A neonach am bruadar A th’aig sluagh ’s iad nan dusgadh; Air gach faoineis tha ’n smuaintean ’S tha ri suaimhneas bhuath’ duil ac’. Cha’n ’eil ni anns an t-saoghal Charach, chaochlaideach, shiubhlach s’ ’Bheir do’n anam lan-riar’chadh, ’S ann an Dia ’gheibh e ionndrainn. Cuid tha ’bruadar le ailgheas Air staid aird agus onair; Air an urram a chaochlas, ’S gu’m biodh daoine ’g am moladh. Cuid tha bruadar air storas;— Nam biodh or ac’ nan sporan ’S e am barail gu’m biodh iad Sunndach, inntineach, sona. Ged a gheibheadh tu sporan, ’Gabhail cothraim le eucoir ’S a cur dhaoine gu bochduinn, ’Ghiulan pochda na deirce, Cha teid d’anam gu siorruidh ’Staigh do rioghachd an eibhneis Mur-a faigh thu de’n iochdshlaint’ ’Th’aig an Ti ’chaidh a cheusadh. ’Stric ’bha mise gu gorach A ruith solais ’s an fhasach s’; Bhithinn daonnan ’g a fhaicinn, ’S mi am beachd a bhi lamh ris, [TD 47] Ach cha b’urrainn mi ’ghlacadh,— Bhiodh e mach bhuam ’s gach aite; B’fhasa breith air an fhaileas, ’Bhiodh nam shealladh ’s an sgathan. Bu dian Absalom ’g iarraidh A bhi ’riaghladh gu stàtail; Mhealladh inntinn an t-sluaigh leis, ’S e gu suairc a cur failt’ orr’, Chuir e athair air fogradh ’S ghabh e comhnaidh na aite; ’S de an sonas a fhuair e? Gathan cruadhach ’dhol sàthte ann. Shocraich Ahab uil’ inntinn Air an fhion-lios aig Nabot, ’S fhuair e seilbh air mar dh’ iarr e, Ach cha d’riar’cheadh a nadar, Fhuair Gehàsi le ’bhreugan Or is eideadh bho Naaman; ’S de na rinn iad de dh’fheum dha, Rinneadh greim leis a phlaigh air. Bha mor-shaibhreas aig Haman, ’S urram ard chuir an righ air; Bu tric ’bhiodh e na luchairt leis An dluth-chomunn diomhair; Ach air sgeith theich a shòlas ’S le dubh-bhron bha e lionte Bho nach rachadh an t-Iubhach Air a ghluinean a sios da. Chuir e roimh nach robh Iubhach Anns an duthaich mu’n cuairt dha [TD 48] ’Gheibheadh cead a bhi lathair; Ach gu lar thainig uabhar. Rinneadh Mordecai ardachadh Na lathair gu buadhach; Fhuair an righ mach a dhroch-bheairt, ’S chuir a chroich air crioch shuarach. C’uime ’pheacaich a bhiodh tu ’Dol a dhith le faoin-bhruadar? Is gle-ghoirid an uine Gus an duinear ’s an uaigh thu, Thig gu h-ealamh gu Criosda ’S bi gu ’rioghachd a gluasadh, ’S bheir E saibhreas is gloir dhuit, Bheir E solas bith-bhuan dhuit. NA H-UAIBHRICH AMAIDEACH. GUR gorach faoin na smaointinnean ’Th’aig daoine anns gach am; An cinn tha liont’ de’n t-saoghal s’ Ged nach faod iad fuireach ann: Bidh sinn an duil nach aom e bhuainn, Gidheadh cha’n fhad ’s an caochail sinn,— O b’fhearr gu’m biodhmaid naomhaichte Mu’n spionte ’chrraobh a bonn! Mar ’thuiteas i san laidheas i:— Tha sin na naigheachd chruaidh Do’n dream nach geill do’n t-Slanaighear ’S tha’n grainealachd a gluas’d. [TD 49] Ach ’s naigheachd i ’tha aidhearach Do’n dream, gach la le faighidinn, ’Tha’g imeachd anns an rathad sin ’Bheir iad gu’n Athair ’suas. Tha’n Salmadair ag innse dhuinn Gu’n dean gach firean fàs Mar ur-chrann uaine finealta Ri taobh na h-aibhne ’tha. Bidh orra duileach fior-mhaiseach, Bidh toradh alainn priseil orr’, Bidh tlachd aig Righ nan righrean annt’ ’S cha bhi orr’ dith gu bràch. Mar mholl a bhios air fhuadachadh Roimh neart gaoith tuath’ ’s a Mhàrt Na h-aingidh theid a ruagadh sios Gu corruich bhuain is cradh. Mar chuireas daoine buainidh iad A reir na feol’ ma ghluaisear leinn Bidh sinn ’dol fodha ’n truaillidheachd ’S an truaigh ni ’s doimhn’ gach la. Bho cheil’ theid an taigh talmhaidh Anns a bheil ar n-earbs’ an drast; A dh’aindeoin uin’ ar cuairt ann Thig oirnn uaireiginn am bas. Na daoine beairteach storasach Cha cheannaich saors’ le’n or bhuaithe; ’S cha mheall an cealgair foghluimt’ e Le briathraibh boidheach, blàth. ’S E’m bas an teachdair’ uamhasach, Cha ghabh e truas no baigh [TD 50] Ri neach a ni e chuartachadh, Leis buailear e gu lar. Gu’n cuir e’n treun-fhear cruadalach Na shineadh air an fhuar-leabaidh; Mu ghaisgeach riamh cha chuala sinn ’Thug buaidh air anns a bhlar. Na daoine proiseil uaibhreach Bheir e ’nuas nan luath fo shail; Na fhianais tha na h-uaislein Cheart cho suarach ris an traill, A stigh theid e do luchairtean Nan righrean mor’ gun churam air, Is bheir e leis thoirt cunntais iad Aig cuirt an Ti a’s aird’. Bheir e na naoidhein mhaotha leis ’S na daoin’ ’tha aosmhor liath; Bheir e na fleasgaich oga leis ’S na h-oighean ’s boidhche fiamh. Na feallsanaich a’s foghluimte, ’S na truaghain ’tha gun eolas, Na fir-bhorb ’s na daoine trocaireach Fo’n fhoid theid leis a sios. Aig Pharaoh ’n t-uachdran Eiphiteach Air fein bha barail ard; Bha duil aige nach geilleadh e Do Righ nan neamh gu brach. Mar amadan mi-reusonta Ri teachd’rean Dhe cha’n eisdeadh E, Ged ’s iomadh ni a dh’fheuch iad dha ’Ga eighneachadh le plaigh’n. [TD 51] ’S ann thuirt e riu’ gu morchuiseach, Co e Iehobhah ’dh’aithn Gu’n leiginn s’ le Clann Israeil A dhol a dh’iobradh dha? Cha teid iad a thoirt aoraidh dha, Cha’n fhaigh iad la de shaorsa bhuam; ’S ann ’dhublaicheas mi’n daors’ aca, Cha’n fhaod iad ’bhi nan tamh. Bho’n bhàs chaidh aingeal treun a mach Le ordagh Dhe na laimh, S gun deo dh’fhag e gach ceud-ghin ’Measg nan Eiphiteach a bha. Cha robh aon taigh nan rioghachd A bha gun neach marbh na shineadh ann; Ghlac eagal Pharaoh miorunach ’S gach aon ’bha ’striochdadh dha. ’Nis leig e leis na traillean aig’ ’Bhi falbh, ’reir aithne Dhe; Ach ’n uair a dhealaich uamhas ris, Chaidh e gu cruaidh nan deigh. Fo sholus iuil ’bha ’dealradh orr’ Chaidh iadsan’ null thar fairg’ uile; Ach airson le ’chuid charbadan Na tuinn bu ghairge leum. Bha Neb’chadnesar ardanach, Righ Bhabilon, an duil Nach robh neach ann d’an geilleadh e, Fo’n speur no os a cheann, A suas chuireadh ard-iomhaigh leis Is dh’aithn e do na h-iochd’ rain aig’ [TD 52] An aoradh iad a stirochdadh dhi Mar gu’m b’i Righ nan Dùl. An triuir anns an robh sar-chreideamh ’S a ghradhaich aintean Dhe Cha chromadh ’sios gu aoradh ’thoirt Do’n iomhaigh fhaoin gun fheum, Ghrad-thilg an t-aintighearn cruadhaicht’ iad Do dh’amhainn theinntich, uamhasaich, Ach anns an teas a b’fhuath ’saiche Bha iad a’ gluas’d gun bheud. Ged chunnaic an righ eucorach Mor-mhiorbhuil Dhe nan dul, Ri uabhar cha do dhealaich e, Ris lean e gu teann, dluth. Mu dheireadh ruaig an t-Ard-Righ e Bho ’chumhachd mhor ’s bho staidealachd, Is dh’ itheadh feur an fhasaich leis Cho nadurra ri bruid. N uair bha Belshasar uaibhreash Aig a chuirm ’cur suarach Dhe, Chuir meoir neo-thalmhaidh’n sgriobhadh dha A bhinn a sios gu reidh. Le smaointinnean throm-bhuaireadh e, Thuit eagal mor is uamhas air, Uil’uilt a dhroma dh’fhuasgail, Is a ghluinean bhuail r’a cheil’. Nach cual’ thu mar ’bha Lasarus A’ fulang craidh fo leoin [TD 53] Aig taigh an duine shaibhir, ’S e air failneachadh ’chion loin. Bha earbs’ ’s an Ti a’s aird’ aige, Gu crich ro-shona thainig e, Chaidh ’ghiulan do dh’uchd Abrahaim Le gairdeachas is ceol. ’N uair dh’eug an duine saibhir A chorp dh’adhlaiceadh fo’n fhoid, Is thog e shuilean ardanach A suas an aite bhroin. Bha ’thruailleachd fuaight’ gu laidir ris, Bha greim gu cruaidh aig Satan air, Bha corruich Dhe ’g a sharachadh, Bha crioch air laith’n a shoigh. Tha sgeul againn mu oganach ’Bha ’gradh le bosd ri Criosd, Gu’n d’choimh’dadh na deich aintean leis Gun fhailneachadh an ni. ’S e’n freagradh ’thug ar Slanaighear dha, “Thoir do na bochdan saraichte Do bheairteas, ’s lean le gradh mise ’S bidh agad slainte shior.” ’N uair chualaic e na briathran so Le bron gu’n d’lionadh e; Le truas ris thuirt an Slanaighear An camhal theid gu reidh Troimh chrò na snathaid’ chaoil fhada Mu’n teid na daoine baoghalta Tha ’toirt an cridh’ do’n t-saoghal so Troimh dhorsaibh naomha neimh. [TD 54] Carson a bhiodh tu morchuiseach A pheacaich bhronaich thruaigh? ’S gur h-ann de dh’uir na talmhainn Chaidh do dhealbh a dheanamh ’suas Na bi le d’speis do ghrainealachd A’ diultadh tairgs’ an t-Slanaigheir; Gabh ris ’s bheir E gu grasmhor thu D’a rioghachd adhmhoir, bhuain. AN DUINE DIOMHAIN. A DHUINE dhiomhain nach dean thu eiridh Bho thir na leirsgrios ’s a bheil thu tamh; Tha facal Dhe a cur ann an ceill dhuit ’N uair ’thig an t-eug ort nach faigh thu dail, Cha chum do stòras aon mhionaid beo thu A chur an ordaigh gach ni ’bhios cearr; ’S ma ’theid thu’n chill leis a dh’easbhuidh Chriosda, An truaighe chinntich bidh tu gu brach. Na bi ri diochuimhn air d’anam priseil, ’S a deanamh dimeis air leigh na slaint’; Ri’ghuth dean eisdeachd, is thoir thu fein dha, Is gheibh thu reite bho’n Ti a’s aird’. Gach moch is anamoch bi tigh’nn na sheanachas, ’S do ghniomh a dearbhadh na bhios tu’g radh; Treig slighe an dolais, sguir dhe do ghoraich’, ’S an inntinn fheolmhor bi ’cur fod’ shail. Gur h-e bu choir dhuinn an am ar n-oige ’Bhi ’gabhail eolais air Ios’ gach la; [TD 55] Cha chuir dian-dhearmad air staid an anma Am feasd’ an seilbh sinn air ’n duthaich aird. Tha Criosd ag inns’ dhuinn mur toir sinn gaol da Os ceann an t-saoghail nach faigh sinn slaint, Mur ’bi sinn dileas ’n ar fior luchd-aoraidh Ar n-uile shaothair bidh dhuinn gun stàth. An staid robhronaich tha’n duine diomhain, An cunnart ditidh tha e gach la; ’Nuair nach bi duil aig’ thig saighead shiubhlach A bheir do’n ùir e fo chuing a bhàis. Tha’ naimhdean miorunach ’gealltainn sith’ dha, Ged ’tha e’g imeachd ’s an t-slighe chearr; ’S e fuireach innte a’s toil le inntinn, ’S cha chreid E’n fhirinn bho’n Ti a’s aird’. Bha Solamh ainmeil ’s na dhuine sealbhach, Bha or is airgiod aig’, ’s eolas ard; Bha aige luchairtean maiseach ura, ’S bha iomadh duthaich dha tabhairt càin. Bha aige ciadan de mhnathan sgiamhach, ’S bu phailt bha fion aig’ ’s gach deoch a b’fhearr; Gidheadh cha d’fhuair e bho’n t-saoghal suaimhneas, Bu tric bha gruaim air ’s a chridhe ’n cradh. A dhuine dhiomhain thig ’dh’ionnsaidh Iosa Na bi ri dimeas air fhuil ri d’la; Thig, ’s bheir E ’bhinn dhiot a tha ’gad dhiteadh, Bheir E dhuit sith na do chridh’ is slaint’. Ca’m bi do bhuannachd de’n t-saoghal thruagh so Ma theid do ruagadh, ’n uair thig am bas, [TD 56] Do phriosan bronach na caoidh ’s na doruinn Nach fosgail ord dhuit am feasd’ no lamh. Gun dail thig ’dh’ ionnsaidh an Ti a cheusadh, ’S a cheannaich reite dhuinn na mhor-ghradh; Cuir umad’ armachd ’s cha bhi thu cearbach; Is tric a dhearbhadh i anns a bhlar. Roimh chlaidh’mh an fhacail tha laidir, sgaiteach, Le eagal sgapaidh do naimhdean dan’; ’S troimh’n chreideamh fhior-ghlan, an targaid chinnteach, Cha teid gath millteach a bheir do bhàs. A dhuine dhiomhain tha’n t-am dhuit gluasad, Nach faic thu’n uaigh; bidh tu innt’ gun dail. Cuir bhuait gach iomhaigh, dean greim air Iosa, ’S bheir E d’a riogh’achd thu’n uair’ thig am bas. Air clarsaich oir bidh tu ’seinn le solas, ’S tu ’tabhairt gloir’ dha airson a ghraidh; Cha’n fhaic thu truailleachd, cha ruig ort truaighe, Bidh tu lan suaimhneis am feasd na lath’ir. TEICH ’S TU’N CUNNART. ’S BOCHD an cadal ’s an t-suain Tha air moran de’n t-sluagh, ’S iad a’ ruith air an cuairt gu siubhlach; ’S aobhar mulaid is broin A bhi ’faicinn an doigh’n, Tha mo smaointinnean mor le curam; [TD 57] Tha iad ’gluasad gu dian Ann an cleachduinnean fiar, ’S diultadh gabhail ri Criosd gu’n stiuireadh; Namhaid guineach gun truas Tha ’g an leantuinn gu cruaidh ’S e ’g an tarruinn gu bruaich na h-urach. Thug an Diabhol le ceilg Ar ceud athair fo fheirg, Dh’ith e’m meas ’s gu’m bu shearbh a shùgh dha. Cha’n ’eil duine ’s an fheoil Tha gun trioblaid ’g a choir Dh’fhag am peacadh sinn leointe, bruite. ’N dream ’s an olc a bhios ’gluas’d Gus an teid iad ’s an uaigh Theid an ifrinn na truaigh’ a dhunadh, ’S ni cha’n fhaic iad ach gruaim Ann an aodann an Uain ’N uair a ghairmear iad ’suas gu cunntas. ’Thi ’tha’n cathair nan gras ’Seall a nuas oirnn ’n ad ghradh ’S cuir an Spiorad le slaint’ g’ar n-ionnsaidh; ’Sgap air falbh na dubh-neoil ’Tha cur dorchadais oirnn, Thoir gach dalladh is sgleo dhe’r suilean; Feuch dhuinn mais’ an Ti naoimh Dh’fhuiling bas air a chraoibh, ’S an neart buan ’tha na laimh gu’r stiuireadh. Las ’s gach cridhe, gun smàl Coinneal shoillseach do ghrais, ’S bheir sinn urram gach la is cliu dhuit. [TD 58] Duisg, a pheacaich gun dail, Teich gu h-ealamh do’n airc, Faic an stoirm ’tha gu lar gu bruchdadh: Seall air Iosa ’dol bas Fo na mhallachd na d’ait’, ’Fhuil tha silleadh gu lar gu siubhlach! Creid na throcair led’ chridh’, Thoir dha d’anam gu’dhion, ’S thoir le gradh mar do Righ dha umhlachd. Cha bhi cunnart no càs D’a luchd-leanmhuinn gu brach, Bheir E leis iad na ghras gu ’luchairt. TILL BHO D’DHROCH SHLIGHIBH. MUR is beo mi, tha’n Slanaighear Gach la ruinn ag eubhach, Cha’n e iarrtas mo chridh-s’ Sibh ’dhol a phriosan na peine. ’S e bu mhath leam, gu’m biodh sibh Ann an rioghachd an eibhneis. Pillibh, pillibh bho’r truailleachd, ’Dh’ait’ na truaigh’ c’uime ’theid sibh? Eisd a pheacaich, ’s le naire Treig gach grainealachd uamharr ’Bha thu cleachdadh bho d’oige, ’S bha ’toirt broin ort is truaighe. Bha thu’g altrum gu dileas Peacadh diochuimhn’ is danachd; [TD 59] Bha thu d’thraill dha do mhiannan ’S air do riaghladh le Satan. Mura treig thu do dhoighean Chi thu doruinn do-innste ’N uair a thilgeas am bas thu Air a chlar na do shineadh. Bidh mu’n cuairt dhuit an lasair Laidir bhras nach fas iosal; A chnuimh ghuineach nach basaich Bidh ’gad chnamh, ’s cha tig crioch ort. Pill bho d’pheacannan ’s bidh tu ’M feasd an rioghachd na gloire, Bidh na h-aingil mu’n cuairt dhuit ’S bidh an t-Uan toirt dhuit eolais. Bidh tu dluth air a chathair, ’S bidh tu ’gabhail an orain A bhios taitneach r’a eisdeachd, ’S d’anam eibhinn, lan solais. TREIG DO GHRAINEALACHD. ’DHUINE thruaigh, ciamar ’tha thu Anns an fhasach so ’gluasad? ’Bheil thu amaideach, diomhain, ’S air do lionadh le uabhar? Bheil thu suarach mu’n Bhiobull Is mu fhirinnean luachmhor? An ni fuathach leat urnaigh Air do ghluinean an uaigneas? [TD 60] Bheil thu gluasad an neoghloin; Ni an fheoil a tha ’riaghladh? Bheil cul-chaineadh leat taitneach! Bheil do thlachd ann am briagan? ’M bi thu ’diultadh le eucoir An cuid fein ’thoirt do dhaoine? Ris na mionnan am bi thu? An ni bìnn leat cainnt dhraosta? Bheil do chridh’air an t-saoghal ’S tu ag aoradh gach la dha? Bheil a mheirle riut fuaighte? Bheil thu suarach mu’n t-sabaid? Bheil thu gnathachadh ainneirt ’S deanamh aimhreit le speis d’i? Bheil do theanga fo’n Diabhol Gu ’bhi ’deanamh nam breug leath’? Bho gach grainealachd tionndaidh Is gabh cùram dheth d’anam, Mu’n toir Dia thu gu cunntas ’S nach bi cuil ann ’ni d’fhalach Cuir do chul ris gach faoineis Anns an t-saoghal neo-chinnteach s’ Na bi’g eisdeachd ri d’namhaid, ’S e do bhas a tha dhith air. ’N uair a chairear fo’n fhoid thu Cha bhi trocair r’a foatuinn; Cha bhi’n innleachd nan aingidh Tigh’nn a gainntir na daorsa. Bidh mar righ ort an Diabhol ’S e gad phianadh gun truas dhiot, [TD 61] ’S corruich lasrach an Ard-Righ Bidh gu brach tigh’nn a nuas ort. Na bi ’d’ghoraiche ’diultadh An Ti chliuitich a cheusadh. Thig an creideamh g’a ionnsaidh ’S tu ’cur cul ris gach eucoir. Thig an diugh; dh’fhaoidt’nach bi’ thu Anns an tir so am maireach. Thig ’s an gairdeanan Iosa Bidh tu cinnteach a slainte. THIG AN DIUGH. DUISG, oganaich mhichuramaich, ’N diugh seall ri Prionns’ nam buadh. Na abair, “Thig mi ’maireach uig’, A dh’fhaotuinn slainte bhuaith’.” Gach aon nach h-eil a sealltainn ris Fo dhiteadh trom tha gluas’d; ’S ma gheibh thu bas gun eolas air, Theid thu do dhoruinn bhuain. Na eisd ri guth a bhrengaire A bhios ’nad dheigh gu teann, ’S ag radh riut, “Na bi smaointeachadh An drast mu’n t-saoghal thall; Tha’n Tighearn’ iochdmhor, trocaireach, Carson bhiodh bron ’nad chom? Nach deachaidh Iosa ’cheusadh ’Chosnadh reit ’do dhaoine dall’! [TD 62] “Faodaidh tu ’bhi ailgheasach Bho’n ’tha thu laidir, og; Bidh tu cho fad’ ’s an fhasach so Ri aon neach ’tha’n diugh beo; Gu’m foghainn dhuit fas diadhaidh ’N uair a bhios tu liath gun treoir; ’S a lagaicheas na miannan sin Dha’n tug thu srian cho mor. “Cha’n fhaigh thu moran sholasan An tir na gloire ann; ’S e’n saoghal so a’s fearr na i, Do ghradh thoir dha gu teann. Ged ’ghabhas tu toilinntinn ann Cha teid do dhiteadh thall; Nach cual’ thu tric mu’n mheirleach ’Chaidh a thearnadh air a chrann.” ’N diugh creid ’s an Ti a sheall oirnn ’N uair a bha sinn cailte, truagh; ’S le ’fhulangas ’n ar ’n-aite ’Fhuair dhuinn coir air slainte bhuain. Nach ni ro-aingidh graineil dhuit ’Bhi dha gach la ’toirt fuath’ ’Bhi ’diultadh aoraidh ’s graidh thoirt dha, ’S le ’namhaid dan ’bhi ’gluas’d? ’N diugh creid ann, ’s bidh tu’n aonadh ris:— Bidh Spiorad naomh nan gras ’N ad chridh’ gu siorruidh ’chomhnaidh, Bidh tu’d theampall glormhor dha. Bidh E ’toirt eolais luachmhoir dhuit Air gloir an Uain ’s a ghradh: [TD 63] Gu’n glan E bho gach truailleachd thu, ’S bheir E dhuit suaimhneas ard. Cha diobair Criosd na geugan sin A thagh E-fein na ghradh, S a shuidhich E na fhion-lios A tho grianach dionach blàth, Tha E gach la ’toirt suil orra, ’S tha iad gu h-ùr a fàs; ’S am measan caoine blasda Tha ’cur orra tlachd na lath’r. ’N diugh thig dh’ionnsaidh ’n t-Slanaigheir, ’S cha teid thu ’chradh a sios; Lan-shabhailte na ghairdeanan Bidh tu gach la dhe d’thim; ’S ’n uair ’bhios do chuairt ’s an fhasach so Le gath a bhais aig crich, Bheir E leis fein a chomhnaidh thu Do thir na gloir ’s na sith’. ’S i sin an duthaich bheairteach, Ged nach ann le pailteas oir; Tha nithean maiseach alainn innt’ Nach fas an tir a bhroin s’. A mhuinntir tha ga h-aiteachadh Cha’n fhailinnich ’chion loin; Tha gradh is gras is ceartas innt’ ’S cha’n fhaicear i fo neoil. [TD 64] LEAN IOSA. EISD, a pheacaich tha gun churam ’S teich a dh’ionnsaidh ’n t-Slanaigheir Mu’n teid dorus Neimh a dhunadh, Cha’n ’eil d’uin’ ach gearr an so. Seall a suas ris ’dh’fhaotuinn eolais Air a ghloir ’tha ’dearrsadh ann; Earb le d’chridhe ri ’fhuil phriseil, ’S gabh mar righ gu gradhach ris. Giulain suaicheantas an Uain, ’S cha toirear buaidh le d’namhaid ort; Seas le cruadal latha bhuairidh, ’Dh’aindeoin duais na h-aicheidh E. Ni E troimh gach càs do stiuireadh, Bidh E dluth le ’shlainte dhuit; Bidh tu ’gleidht’ mar chlaich a shùla Re do churs’ ’s an fhasach so. ’N uair bha Peadar anns a phriosan Thug E dion gu grasmhor dha; Chuir E teachdair ’thuige ’dhuisg e ’S a thug ’dh’ionnsaidh chairdean E. Thuit a cheanglaichean dheth fuasgailt’ Ged bu chruaidh mu ’lamhan iad; ’S dh’fhosgail an geata mor iaruinn Farsuinn, fial, le failte dha. Eutrom gheibhear leat a chuing A dh’aindeoin claoidh is sarachaidh: Mar mhil bhlasda bidh a reachd leat, ’S bheir E neart gu grasmhor dhuit. [TD 65] ’S ’n uair a ruigeas tu a rioghachd, Tir na sith’ ’s a ghairdeachais, Bidh tu seinn a chliu gu binn Is cha bhi dith gu brach ort innt’. GLEANN NA H-IRIOSLACHD. A PHEACAICH thruaigh, mhi-churamaich, Bi ’dusgadh a do shuain; Gu’n dail thig ’dh’ionnsaidh ’n Ti sin ’Cheannaich sith dhuinn ’s a thug buaidh. Gu’m beil E tairgse saorsa dhuit Bho d’dhaorsa ’s bho gach truaigh’; Gu’m bheil E tairgse leirsinn dhuit, ’S do sheulachadh le ’shluagh. Do bheatha tha neo-chinnteach Anns an tir ’s am bheil ar cuairt, Tha ’ghrian ’dol ’n Iar gu siubhlach ’S a tigh’nn dluth tha’n oidhche bhuan,— An oidhche dhubhach bhronach Anns an crom na neoil an nuas Is anns an teid do chàradh Air na clair ’s do cholunn fuar. Ma theid thu null thar Iordain ’S tu gun eolas air an Uan, Gu brach cha deanar trocair ort Ged bhios do dhoruinn cruaidh.— Cuir cul ri d’uile-dhiomhanas ’S am fireantachd bi gluas’d; [TD 66] Rach ’sios do ghleann na h-irioslachd, ’S bi ’sireadh ’n t-saibhreis bhuain. ’S e sin an gleann a ’s fearr A tha ’s an fhasach so gu leir, Na naoimh bidh ann a sraideamachd Is pairt diu ’sileadh dheur. Bidh bron airson am peacaidh orr’, ’S iad ’beachdachadh gu geur Air gradh do-innst’ an t-Slanaigheir ’S a ghrainealachd ’th’annt’ fein. ’S a ghleann so bidh na buachaillean A’ cuartachadh an treud’. Ri’m Maighstir, moch is anamochann, Bidh iad ’g an earbs’ gu leir. Gu’m bi iad air an gluinean ann, ’S an suilean ris air neamh,— Nach mor an t-aobhar farmaid iad; ’S faoin airgiod lamh-ri’n dreuchd. Ged a theid na cealgairean Do’n ghleann g’an dearbhadh fein Gur h-ann fo chleochd an ainmeachais ’Thig seanachas as am beul. ’S e cliu airson an gniomharan An ni d’an tug iad speis, An corr cha bhi de dhuais aca ’S iad truaillidh ann am beus. Gur daoine truagha baoghalt’ iad Nach glan ach taobh de’n mheis. Gur h-uaighean ’rinneadh aluinn iad, Gidheadh tha graineil breun. [TD 67] Cha chreid iad gu’m beil tinneas orr’ S cha chuir iad ’shireadh leigh. Ri’n oibribh fein tha earbs’ aca Gu’n cur an seilbh air neamh. Gur mor gu’m b’fhaide seachduin leo Gan cleachdadh fein ’s a ghleann Na bliadhn’ air feadh nam fasaichean A’sàsachadh an sannt’. Cha’n ’eil an Slanaighear luachmhor dhaibh, Gur truaghain iad ’tha dall. S gach slighe ’s cearra chitear iad; S e ’s crioch dhaibh a bhi caillt’. Gur sona do na daoine sin ’Tha ’saoithreachadh ’s a ghleann. An siol a chuir iad fasaidh dhaibh, Bidh barr aca ’bhios trom. Ri ’cheile cuirear saibhreas leo Nach caill iad aig a bhas. Bho’n bha iad beo do dh’Iosa Bidh iad leis na riogh’chd gu brach. An dream ’fhuair dhachaidh sabhailte Do’n aite ’bha ’g an dith Tha’n lathair Dhe ri gairdeachas Gun leon, gun chradh, gun sgios. De’n uisge bheo mar ’s miannach leo Gach la tha iad ag ol, Is craobh nam measan ’s taitniche Gu buan tha aca ’n coir. Gur h-iomadh duine sonraicht’ ’Bha na fhogarach ’s a ghleann [TD 68] ’S an naimhdean ann an toir orra ’S ag iarraidh ’n leon gu trom. Ghluais Ioseph anns an Eiphit ann, Bha eagal De na chom, ’S gu’m b’eolach bha righ Daibhidh Air feadh ’aileanan ri am. Na faidhean bh’ann ’s bu chruadalach Iad ’dh’fhulang truaighe ’s claoidh, Bu dileas ri linn Ahaib iad; Cha d’fhailinnich am buinn. Bha neart le feart nan gras A toirt dhaibh caileachd anns an stri, Ged ’chlachadh ’s ged a shabhadh iad Cha d’aicheidh iad an Righ. Chaidh Heseciah sios Air feadh nan lagan ’s isle ’th’ann, ’N uair thainig feachd Asiria G’a mhilleadh le neart lann. Ri urnaigh anama dh’eisdeadh ’S thainig aingeal treun an nuas A’ sgrios a’ naimhdean morchuiseach; Bha iad gun deo gu luath. ’S a ghleann so dh’imich Daniel ’S e’m Babilon fo bhinn; ’S ’n uair thilgeadh air na leoghuinn e Rinn Righ na gloire a dhion. Bha’n eaglais la na caingeis ann, ’S gach aon a sealltuinn suas Is chuir an Ti chaidh ardachadh A Spiorad grasmhor nuas. [TD 69] Cornelius bha ’fuireach ann ’S bu duin’ e nach robh cli. ’N a shealladh ’s iomadh adh a bh’air; ’S bha slaint aig ann is sith. Gu’n d’rinn e moran storais ann; ’S cha’n or a chuir e cruinn: Ri ’urnaighean chaidh eisdeachd, ’S uile-dheircean bha air chuimhn’. A mhuinntir a bhios dileas ann Cha bhi orr’ dith gu brach. Tha’n Tighearn ’gabhail curaim diu Mar chlaich a shùl gach la. Gach ni ’thig anns an t-saoghal so Air daoine bidh gu’m feum Ma tha nan cridhe tlachd aca Do bhuadhan taitneach Dhe. Gur mor an t-aobhar gairdeachais ’S na laithean so, ’th’aig sluagh; ’S an t-saorsa th’air a gnathachadh ’S gach aite deas is tuath. Tha Iubhaich ’treigsinn ’n aingidheachd ’S a dol do’n ghleann air chuairt, ’S Mohammedanaich ’s Paganaich ’Bha ’cur ri crabhadh truagh. Tha sluagh ’tigh’nn as gach duthaich, Ach cha dumhlaich iad an gleann. Cha chluinnear stri mu mhòrachd ann ’S gun aite sonraicht’ ann. An seanachas an Ti ’s airde Tha luchd-aiteachaidh a ghlinn’ [TD 70] ’S a ghuth ’s a bhriathran glormhor ’Toirt dhaibh sith is solas cuim’. ’S e’n solas gleann na h-irioslachd ’Seach firichean na prois’ ’S an robh an t-abstol Peadar, ’N uair a fhuair e’n leagadh mor. Tha’n t-uisge ’s fearr na aibhnichean, ’S tha ghrian fior-chaoimhneil da; Tha fasgadh ’n am na stoirme ann, ’S gur boidheach gorm e ’ghnath. A Thighearn’ deonaich dhomhsa ’Bhi ri m’bheo a fuireach ann. Cum m’anam bho fhein-fhirinteachd, Is leanam Ios’ gu teann. Bho ghathan ma luchd-mioruin Dean mo dhion a dh’oidch’ ’s a la; Gach freumh de’n pheacadh spion asam, Is glan mo chridh’ nad ghradh. COMHRADH. EADAR AM BIOBULL AGUS AM PEACACH. AIR dhomh ’bhi latha sraideamachd Feadh fhasaichean nan gleann, Gur h-iomadh smaointinn fhailinneach A tharlaidh a bhi’m cheann. Gu’n d’dhirich mi cho ard orra ’S gu’n robh mi’m barr nam beann; [TD 71] ’S b’ iad sin na beanntan cunnartach Do dhuine, ’s e air chall. Gu’n d’rinn mi tacan fuirich orr’ Go muladach le bron; Cha d’fhuair mi na bha’m dhith orra, Ged bha mi sgith gu leoir. Gu’n robh mi ’ruagadh suaimhneis ’N uair a bha mi uallach og, ’S an diugh tha mi nam sheann-duine, ’S am bata crom nam dhorn. Tha preasaichean am aodann, Thainig caochladh orm ’tha mor; Mo spionnadh tha air claonadh bhuam, Tha’n aois an deigh mo leon. Gar h-ann air solas saoghalta ’Bha mis’ an gaol ’s an toir; Mo chridh’ cha tug mi’n t-Slanaighear ’S cha robh mi dha ’tigh’nn beo. Air beanntan ard an diomhanais Mo shuilean dh’iarr gu suain, ’Us chaidil mi gun churam orm Ged ’bha mi dluth air bruaich. Fear-turais thainig ’m ionnsaidh Agus ghlaodh e rium le gruaim, Bi ’g eiridh, ’dhuine ghoraich Tha na leoghainn dhuit mu’n cuairt. Ghrad-dheirich ’mi le eagal ’S mi an teagamh ciod a bh’ann, Rium labhair e gu siobhalta, ’S bha brioghalachd na chainnt:— [TD 72] “Gur neonach dhuit ’bhi diomhanach A direadh feadh nam beann ’S na laithean so cho priseil Gus an siol a chur ’s an fhonn.” Gu’n d’tharruinn mi gu comhradh ris, ’Us dh’fheoraich mi dheth ainm; Bha coltas duine coir air ’S bha e foghluimte gun chearb. ’N uair ’dh’fharraid mi’n robh or aige, Gu’n d’ghabh e moran feirg’; ’S ’n uair ’chunnaic mi nach cordamaid’ Gu’n d’thoisich mi ri falbh. Ach thuirt e, Na bi ’gluasad Gus am faigh thu bhuam mo sgeul. Tha mise ’m dhuine firinneach, Cha bhi mi deanamh bhreug. ’S e ’their iad rium am Biobull; ’Us dhuit innsidh mi gu reidh Mu ni a ’s fearr gu mor dhuit Na na bheil de dh’or fo’n ghrein. ’S O, ma ’s e thus’ an duine sin, Gur h-urramach do chliu; Gur fiosaich’ thu a dh’innseas dhomh Gach ni a tha dhomh dluth. Nan deanamh tu mo sheoladh Far am faighinn or na dhuinn Bu shona mi ’s e dhith orm, Gu’n robh m’ inntinn air bho thùs. O ’s bochd an rud a dh’iarr thu orm, Cha’n ’eil do chiall ach faoin. [TD 73] Nach b’fhearr dhuit a bhi diadhaidh, ’S tu air liathadh leis an aois! De’dheanadh or nan Innsean dhuit ’S tu ’toirt do chridh’ do’n t-saogh’l! ’N uair chriochnaicheadh do bhliadhnachan, Bhiodh e le ’riadh dhuit daor. Bheil thu an duil nach b’fheaird’ mi A bhi saibhir ann an ni? Nam faighinn sòlas nadarra Bhiodh ailgheas ann am chridh’. Da fhichead bliadhna rainig mi ’S tha aireamh mhor ’g am dhith Mu’n dean mi’n ciad a shlanachadh, ’S mu’n cairear mi’s a chill. Nan gabhadh tu mo chomhairl’-sa Cha bhiodh do ghnothach cli: Gu saibhir bheirinn eolas dhuit A threoir’ cheadh thu gu sith. Tha nithibh luachmhor sonraicht’ Ann an stor-thaigh an Ard-Righ; ’Us mur-a faigh thu coir orra Theid thu gu doruinn shior. Gu de na nithean sonraichte ’Th’aig Righ na gloire shuas? Tha airgiod agus or aige Gu’n dortadh oirnn a nuas. Nam builicheadh E storas orm, Gu de an cor ’bhiodh bhuam? Mo mhiannan leis gu’n sasaichinn ’Us m’inntinn lan de dh’uaill. [TD 74] ’S tu ’dh’iarraidh a bhi ’siubhal Anns an t-slighe dhubhaich, chaim; Sligh’ nan daoine baoghalta ’Th’aig dia an t-saoghail s’ air laimh. Ma leanas tu air imeachd innte’, Chi thu aig a ceann Gu’m b’fhearr dhuit a bhi dichiollach Am fion-lios nan dluth-chrann. Ged ’rachainn-sa do’n fhion-lios sin, Cha deanainn gniomh, ach call; Cha b’eol dhomh ciod a dheanainn ann, ’S cha’n iarrainn a bhi ann. Cha do chleachd mi ruamhar, Tha mi’m thuathanach ro-mhall; Us deirc cha teid mi dh’iarraidh; Bidh mi’m bliadhn’ air feadh nam beann. Gur amaideach na beachdan A fhuair fasgath ann ad chridh’; ’S gach tir bha mise chomhnuidh, ’S bha mi beo le iomadh linn, Ach riamh cha’n fhac mo shuilean Neach a chuir a chùl ri Ios’ A dol do thalla’n t-suaimhneis; ’N uair a ghluais e as an tir s’. Is duilich leam a ghraitinn riut Gur ’danadas do chainnt; Tha e na chreidimh failinneach Gu’m bi ar laithean gann. Tha mis’ am beachd gu’n sabhalar Le Dia na ghras gach dream, [TD 75] Le fulangas ar Slanaigheir A bhasaich air a chrann. Gur mor mo bhron an t-aineolas ’Tha teannachadh ad cheann; Mur teid tre ghràs a ghluasad as Gur truagh a bhios tu thall. Nach h-’eil Iehobha ’g innse dhuinn Gu’m bi na miltean caillt’? Gu’n tugadh Criosda sealladh Do gach fear a tha na dhall! Cha mhor nach h-’eil mi ’runachadh Tigh’nn ’dh’ionnsaidh Chriosd gun dail, ’Us cul a chur ri m’pheacannan ’S gach cleachdadh faoin gu brach. Gu de ma theid mo ruagadh ’Sios do theine buan a chraidh! Ach stadam ’na biodh curam orm Cha teid mi’n uir an drast. Nach cual’ thu mu’n fhear shaibhir Bha mu ’shaibhlean lan de phròis; Gun fhios da leum am bàs air, Us bha crioch air laith’n a shoigh. ’S nach smaointich thu air Fèlics A bh’air chrith ’s e ’g eisdeachd Phoil’, Gidheadh gu Criosd cha tainig e, Ghluais e ri ’la ’s an fheoil. Mu iomadh duine beairteach Gu ’bheil eachdraidh dhuinn ag inns’; An t-uachd’ran uaibhreach Greugach Fhuair an saogh’l dha fein fo chis.— [TD 76] Ach innis dhomh, am fac thu neach, Le ’bheairteas fhuair do’n tir, Anns nach ’eil airc no uireasbhuidh, No mulad, bas, no sgios. Cha ghabh an tir sin ceannach Mar ’tha amadain an duil, Gheibh daoine bochda us diblidh innt’, ’S theid iompairean air chul. An truagan leointe Lasarus Le Abr’ham fhuair do’n Chuirt; ’S an duine saibhir ardanach Thog suas an cradh a shuil. Ma ’shaoileas tu nach diult E mi, Thig mi a ’dh’ionnsaidh Chriosd. Gu’n teid mi air mo ghluin da ’S bheir mi umhlachd da bho m’ chridh’. Ach ’s peacach ’tha ro-ghraineil mi, Bu traill do m’mhiannaibh mi; Gun Dia gun dochas bha mi A tigh’nn beo gach la de m’thim. Mar ’s beo mi tha an Slanaighear Ag radh ri peacaich thruagh, Cha’n aobhar solais dhomhsa Sibh a dhol gu doruinn bhuain. Ma thig an neach a’s graineile ’S a’s taireile ’measg sluaigh, Le sòlas gheibh e failte bhuam; ’Se tearnadh a tha bhuam. Tha tairgse Chriosd ro-sholasach, ’S gu ’bheil e ’leon mo chridh’ [TD 77] Cho fad ’s a lean mi faoineasan ’S mi ’diultadh saors’ ’us sith. Bha’n amaideachd gam threorachadh Bho m’oig’ an rathad cli.— Ard-chliu do Dhia gu’n d’chomhlaich mi ’N diugh faidhe mor an Righ. Gur mise ’m faidhe firinneach A dh’innseas dhuit a choir, Gach aon a ni rium eisdeachd Gheibh lan-eibhneas ann an gloir. ’Null theid mi do na tirean ’S am bheil iomhaighean de’n or, ’Us their mi ris gach truaghan, Feuch an t-Uan a chaidh a leon! Gur h-eibhinn dhaibh an teachdaireachd A thig a mach o d’bheul. Gu’n leig thu’n truailleachd fhaicinn dhaibh ’S gu ceart gu’n stiuir thu’n ceum. Gu’n toir thu ’mach a priosan iad Gu ’dhol do rioghachd Dhe; ’S gu’n treig iad an droch-chleachdainnean, ’S am beachdan faoin gu leir. Gur h-iomadh duine borb A bha ’s an dorchadas na reis, A’ siubhal ann an grainealachd ’S a ruagadh sgaile breig’, ’Thug mise le mo sheanachas ris Gu anam earbs’ gun èis An laimh an Ti a ghradhaich sinn ’S a thug ’n ar n-ait’ E-fein. [TD 78] Gur h-ioghantas ro-mhor Na tha de dh’eolas ann ad cheann, Cha’n fhasainn sgith gu brach dhiot Thug do bhriathran slaint’ do m’chom. Ged ’gheibhinn or nan Innsean, Us gu bheil na miltean ann, Cha ghabhainn e ’s do chuibhteachadh;— Gu’m fag mi frith nam beann. Theid m’eolas-sa a sgaoileadh Feadh an t-saoghail anns gach cearn; Gu’n teid mi ’measg nan Iudhach, Far an robh mi’n tus a tamh. Ged ’chuir iad bhuath’ air fogar mi Thug moran diu dhomh gradh; ’S gur h-iomadh uair a leubh mi dhaibh, Mu’n Treun-fhear ’s am bheil slaint’. Gur truagh an ni mar threig iad thu, ’S nach eisd iad ri d’ghuth binn; Mar dhoill cha’n fhacas ailleachd leo Am Prionns’ na slaint’ ’s na sith’. ’S ann sheall iad air mar mhealltair ’Bha ri call air feadh na tir’; Ri crann na doruinn sparr iad E, ’S fhuil bhlàth a’ ruith a sios. ’S e Criosd a dh’ordaich dhomhsa tigh’nn ’S do chomhlachadh ’s an ait s’; Tha aige gradh do-innse dhuit, Air nach tig crioch gu bràch. Mur bhith E chaidh do mharbhadh Leis na leoghainn cholgarr’ dhàn, [TD 79] ’N uair rinn thu’n cadal truagh ud Air a bhruaich ’bha corruch ard. O m’anaim mol an Ti sin ’Thug bho shiorruidheachd dhuit gradh; ’S a dh’fheuch an diugh do ghoraich dhuit, ’S a threoraich thu gu ’shlaint’. A Dhe thoir neart nad throcair dhomh Gu ’bhi ’tigh’nn beo da ’ghnath; Thug E a taigh na daorsa mi, ’Fhuil chraobhach shil nam ait’. TURAS A CHRIOSDAIDH. ’S E mo sgeula r’a inns’ Mar ’dh’fhalbh an Criosdaidh air thuras, Thug e ’chul ris an t-saoghal, ’S cha b’e aobhar a mhulaid, Dh’fheuch an Spiorad dha ’thruailleachd Us a thruaighe ’s a chunnart; ’S dh’fheuch e dha nach robh dion dha Ach ’s an Ti sin a dh’fhuiling. Thuirt an Diabhol na cheilg ris, ’S e lan feirg’ agus mioruin, Cha ghabh Iosa gu brach riut. ’S creutair graineil nach fiach thu; Ged a bheireadh E ’neamh thu, Gu de’m feum da a ni thu? Cha’n ’eil annad ach slaoightear A tha ’toilltinn ’bhi’m priosan. [TD 80] Thuirt an saoghal gu fòil ris ’S mor do ghoraich’ gu cinnteach; Seall gach ni tha fo m’riaghladh s’ ’Thoirt dhuit riarachadh inntinn. Ged ’tha’n Tighearna’n gruaim riut ’S tu gu truaigh’ air do dhiteadh, Tha e tuilleadh us luath dhuit A bhi ’gluasad gu Iosa. Thuirt fein-fhirinteachd ghraineil, Cum na h-aintean le dichioll; Bi gu tric air do ghluinean, ’S leubh le curam am Biobull, Rach do’n t-searmon gach Sabaid ’S na dean tair air an fhirinn, ’S air sgàth d’oibrichean mora, Gheibh thu gloir ann an Sion. Cha do dh’èisd e ri ’m briathran, Ged bu dian iad ’ga theumadh, Chaidh e ’shealltainn an ait An deach ar Slanaighear a cheusadh; Far’n da sheas E ’n ar n-aite, Far’n do phaidh E ar n-eirig, Dhearrs a ghloir air a shealladh, ’S thug E thairis e-fein dha. Thuit gach eallach gu talamh, ’S liònadh anam le sòlas: Spion an Triath dheth a luireach ’S le deis’ uir rinn E ’chomhdach.— Chum e roimhe gu siubhlach ’Dh ’ionnsaidh duthaich na gloire; [TD 81] Se ’toirt molaidh do’n Ti sin ’Dhoirt ’fhuil phriseil na throcair. ’S iomadh deuchainn a fhuair e Re a chuairt anns an tir so; Bhiodh an Diabhol ’ga bhuaireadh, ’S bha mor-thruailleachd na inntinn: Ach bha Thriath a toirt neirt dha Gu bhi gaisgeil us dileas; Us gu grasmhor ’ga stiuireadh Ann an cùrsa na firinn. ’N uair a chriochnaich a laithean Ann am fasach a bhroin so, Rinn na h-ainglean a ghiulan ’Staigh do luchairt na gloire. Fhuair e soarsa bho thruailleachd; Cha ruig buaireadh gu’leon air; Cha bhi deoir air a ghruaidhean; Tha an suaimhneas a’s mo aig’. Tha e’n comunn an t-Slanaigheir, Carraig laidir a dhòchais; Tha e’n tir an ard-mholaidh, Us an t-soluis ’s an eolais; Tir na maise ’san t-saibhreis; Tir nan aibhnichean sòlais, ’Sa bheil uisge na beatha ’Tigh’nn bho chathair na trocair. ’Pheacaich chaillte, ’bi dusgadh; Tog do shuilean ri Sion Treig do chleachdainnean salach, ’S iarr gu cala na sithe. [TD 82] Cum do shuil air d’Fhear-Saoraidh, ’S air a ghaol tha na chridh ’dhuit! Lean gu dlùth anns a bhlàr E, ’S theid gu lar do luchd-mioruin. Ge b’e aon a ni earbs’ A gairdean anfhann na feola, Mar rinn Pharaoh a charbad, Gheibh e cearbach gu leoir e. Leum na tonnan gu gruamach Air an uachdaran mhor ud; ’Sthuit e-fein agus armailt; Dh’fhagadh marbh anns an ròd* iad. ’N uair thig Criosda le ainglibh Theid a naimhdean a mhùchadh; Ach mar dhearrsadh na greine ’N lathair eibhneachd a ghnuise Bidh gach aon a thug gradh dha ’S d’a lagh ard a thug umhlachd.— ’Dhe, dean mise de ’n aireamh Theid ’san la sin a chrunadh. LEANTUINN AN UAIN. ’S ANN le leantuinn an uain Tha na naoimh a toirt buaidh ’san stri, Ged bhios cunnart nan cuairt Gu’n dean E-san le buaidh an dion. * Ròd, seaweed. [TD 83] Bidh iad beo air a ghaol, Fhuair e còir dhaibh gu daor air sith; ’S ’n uair a theid iad do’n uaigh, Bidh gach trioblaid us truaigh’ aig crich. Cha dean buaireadh, no’n fheoil, Cha dean curam, no bron, no sgios, Cha dean beatha, no bàs ’Chaoidh an sgaradh bho’n ghradh tha’n Ios. Bidh an namhaid nan deigh, ’S bidh am peacannan breun ’gan claoidh; Ach bidh ceannard an àidh ’Toirt dhaibh misnich ’s gach càs, us dion’. Le a bhas air a chrann Thug E ’naimhdean gu teann fo chìs; ’S thug E talamh us neamh Gu bhi ’n caidreimh a cheil’ a rìsd. Tha E sealltainn a nuas Air gach duthaich le truas a chridh’, Tha E tairgse dhuinn saors’; C’ uime rachadh a h-aon a dhith? Bidh an dream dha ’n tug Ios’, Saorsa shiorruidh bho’n diteadh trom, Gaisgeil, calm’ anns an stri; Ni iad seasamh gu dileas teann; ’S iad fo’n bhrataich a’s fearr Chaidh a thogail an aird ri crann, Bidh an naimhdean air ruaig ’Dh ’aindeoin geurad us cruas an lann. ’S bochd dheth ’n duine nach d’fhuair Eolas fior air a thruailleachd mhoir, [TD 84] Us air maise agus gradh An Ti ’rinneadh ’n ar n-aite ’leon. Dh’aindeoin eolais a chinn Agus aideachadh mìn a bheoil, ’S ann ri fhireantachd fhein A tha earbsa gu leir, na phròis. ’N uair a thairneas an t-eug e, Le ’luideagan breun mu dhruim, A thoirt cunntais do Dhia As gach smaointinn, us gniomh, us rùn, Chi e ’ghoraich ’sa chall, ’S mar-a bha e na dhall gun tùr,— Cha chuir aingeal air failt’, Geata neimh bidh gu bràch air duint’. ’Se ’bhios sona na daoine A chuir cùl ris an t-saogh’l le’n cridh’; ’Sa bha ’gluasad gach la Mar-ri caraid an graidh le stri. Bidh iad comhl ’ris na chuirt, Ann an trusganaibh ura grinn; Air an crunadh le gloir, ’S iad a’ seinn da le orain bhinn. Ach an dream ’bha ’toirt fuath Do ’n Fhear-Shaoraidh rè’n cuairt ’s an fheoil Bidh ’s na lasraichean dearg, ’Siad a’ fulang fo’n fheirg a’s mo. Urrad ’s boine bho mhiar Cha ’n fhaigh aon diu ’nam piantan mor’; Chriochnaich latha nan gràs, Cha ’n ’eil duil ac’ gu bràch ri gloir. [TD 85] ’N dream ’tha ’leantuinn an Uain Tha nan creutairean nuadh trie ghràs; Air na nithibh ’tha shuas Bidh an inntinn a gluas’d gach la; Bidh iad tric anns a chuil ’Siad ag urnaigh le rùn us càil; Tha an tlachd an lagh Dhe ’Siod ag iarraidh lan gheill ’thoirt da. Duisg a pheacaich a d’shuain; Tha thu ’n suidheachadh truagh le cinnt’, Aig an lagh tha thu’n sàs; ’S crionach dhon’ thu, gun stath, gun bhrigh. De ma thig ort am bàs, ’S do thoirt leis mar-a tha thu ’n chill? Cha dean aithreachas feum ’N uair a ruigeas do reis a chrioch. Cha’n fhuil ghobhar no tharbh ’Bheir de ’n anam air falbh a phlaigh, Ach fuil phriseil an Uain ’Chaidh a reubadh gun truas, gun bhaigh. Seall, o m’anaim, a suas, ’S faic E ’fulang le buaidh na d’àit; Cuir do dhoigh ann gu leir, S bi ’ga leanachd le eud gach la. SAIGHDEARAN CHRIOSDA. ’S ANN tha ’n t-urram gu stri Aig sàr-shaighdearan Chriosd Cha ghabh aon diu a chaoidh ratreut. [TD 86] Ni iad seasamh gu dian Ann an aobhar an Righ Gus an toir iad gu crich an streup. Cha dean cogadh no cràdh, Cha dean gorta no plaigh, Cha dean beatha no ’m bàs e-fein, Na fir chalm’ ud, gu bràch, ’Chur bho leanachd an t-sàir Tha ’g an stiuireadh ’sa bhlar ’s gach ceum. Gur-a maiseach an dealbh, Na fir chruadalach, gharbh, Air an comhdach le armachd Dhe. Fo Thriath cliuiteach an graidh Theid iad sios do na blair, ’S iad gun eagal, gun sgàth roimh bheud. Bidh orr’ clogad na slaint A toirt dion’ dhaibh ’s a bhlair Bho chruaidh-bhuillean luchd-aicheidh Dhe. ’S air am broilleach nau’n cuairt Chithear fireantachd bhuan An Ti naoimh a thug buaidh gu treun. Bidh an leasraichean trom’ Air an crioslachadh teann Leis an fhirinn, sar-bhann nach geill. Us bidh soisgeul na sithe Mar bhrogan fo’m buinn Agus creideamh ’gan dion mar sgeith. Bidh ac’ claidheamh nach fann A chur catha, nan laimh, ’Siad a’ cogadh fo’n Ceannard treun,— [TD 87] ’Se sin armachd nam buadh Leis an cuir iad an ruaig Air an naimhdean neo-thrucant’, breun. Ged is daoin iad tha calm Us a choisinn deadh-ainm Cha’n ’eil aon diu ’cur earbs’ ann fein: ’S ann ri ceannard an aidh A tha’n suil anns a bhlar Ain son buaidh air gach namhaid breun. ’S e sin Ceannard a ’s fearr A bha riamh ann am blar; Ged a striochd E le làn-toil fein. Thug a ghradh E a nuas Do an tir so air chuairt A thoirt beatha bith-bhuan da threud. Ged a laidh E ’san uaigh Le dubh-mhiorun an t-sluaigh, Dhuisg E rithisd a suas gun bheud. Thug E buaidh air a bhàs, Thug E ’n gath as do chach; Uile-naimhdean fo ’shailtean gheill. Gur-a h-iomadh deadh-bhuaidh A th’ air gaisgich an Uain; Gur-a freagarach stuam’ am beus. Bidh iad tric air an glun Us an aghaidh r’a chuirt; Us cha seall iad le suil nan deigh. Bidh iad fialaidh le’n laimh; Bidh iad ciallach an cainnt; Cha bhi briathran gun sgoinn nam beul. [TD 88] Bidh an cridhe ’ga leon, ’S cha bhi ’n inntinn air doigh Gus a faigh iad an fheoil fo gheill. Bidh iad ait anns an Ti ’Fhuair dhaibh reit’ agus sith; Cluinnear oranan binn nam beul. Tha an tlachd anns an aithn’. Tha d’a cheile aca gradh; ’S ann air slighe na slaint tha’n ceum. Ged-a tha iad an drast A’ dian-chogadh gach la ’N aghaidh naimhdean tha laidir breun; Bidh iad fhathast le’n Righ ’Mealtuinn sonais us sith; ’S iad gun churam, gun sgios, gun chreuchd. Gheibh iad beairteas nach gann Anns an rioghachd tha thall ’N uair a ruigeas iad ceann an reis’. Bidh sar-Cheannard an graidh ’Toirt gach ni dhaibh a’s fearr; ’S cha dean namhaid gu brach dhaibh beud. Bidh iad eibhinn a gòl De na h-uisgeachan beo A tha sruthadh bho throcair Dhe. Bidh gu pailt air a bhord Mana ur ac’ mar lòn, ’S iad a’ dearrsadh mar ghloir nan reul. Eisd, a pheacaich gun chiall A tha ’siubhal gu dian ’S tu aig athair nam briag air shrein. [TD 89] Ma theid thusa do’n uaigh Mar-a tha thu ’s an uairs’, Bidh tu caillt’ ann an truaighe gheir. Tha ar beatha san fheoil A’ dol seachad mar cheo ’Ruith air aodann an fheoir roimh’n ghrein. Bi ag eiridh gun dail Us lean Iosa do’n bhlar, ’S gheibh thu dachaidh am Phàrras De. A Thi ’dh’fhuiling ’n am ait Deonaich dhomhsa ’bhi ’fàs Ann an eolas nan gras fod’ sgeith: ’S ’n uair a ruitheas mo la, Biodh e fada no gearr, Thoir dhomh sith ann ad àros fein. AN COGADH NAOMH. I. AN ROIMH-RADH, NA NAIMHDEAN, AGUS CRUINNEACHADH AN FHEACHD. ’S TRIC le muinntir an t-saoghail A bhi ’n caonnaig ’s an stri’; ’S iad a cogadh gu laidir ’Dh fheuch co ’s fearr a ni gniomh, Chithear armailtean dana Do na blair a dol sios; ’S chithear luingeas air saile ’Chumail naimhdean bho thir. [TD 90] ’S fad o ’n thoisich an aimhreit Us an t-ainneart tha mor, Dhuisg an cogadh an Cain, Mharbh e bhrathair gu h-òg. Bha an claidheamh ’s gach linn A cur nam miltean fo ’n fhoid; Dhoirteadh aibhnichean fala, Tre shannt, an-iochd, us prois. ’S truagh nach tigeadh clann-daoine Anns an t-saoghal ’s gach ait, Gu bhi ’cogadh le naomhachd Fo Fhear Saoraidh nan gràs. Dheanadh E-san an seoladh ’Chur an ordagh a bhlair; Bha E-fein anns a chomhrag, ’S fhuair E leoin ’bu mhor cradh. Tha ar naimhdean ro-lionmhor, ’S tha iad miorunach, breun; Tha iad cuilbheartach, briagach, ’S fuath do Dhia annt’ gu leir. An t-sean nathair, an Diabhol, Tha gu dian as ar deigh; ’S tha an saoghal ’s ar miannan ’G ar sior-iarraidh dhaibh fein. Chaidh an trompaid a sheideadh, ’N uair a dh’eirich an Righ; Chuireadh teachdairean gleusda A thoirt sgeul air ’s gach tir. Thigibh, bha iad ag eubhach, Thigibh ’s geillibh do dh’Ios’, [TD 91] Thug E buaidh air a bhas dhuibh ’S chuir E Satan fo chìs. ’S iomadh ait agus fine As na thioail an Triath Na fir threun a tha mar-ris, ’S iad ’ga leanachd gu dian. Tha iad eibhinn na champa, Tha iad taingeal fo ’rian; ’S gur h-e’n tlachd a bhi ’labhairt Mu ’mhor-mhathas ’s mu ’ghniomh. II. CUNNTAS AIR A THABHAIRT LE FEAR DE ’N FHEACHD AIR MAR THAINIG E GU ’BHI NA SHAIGHDEAR AIG CRIOSDA; NO, A GHAIRM NEAMHAIDH. BHA mis’ uair, ars’ a h-aon diu, Anns an daorsa bu mho: Bha mo chul ri m’Fhear-Saoraidh ’S mi do ’n t-saoghal ’tigh’nn beo. Fhuair mi sealladh ’s a Bhiobull Air mo bhinn ’s air mo leoin, ’S chuir mi romham gu’m fagainn Staid na grainealachd mhoir. ’N uair a ghluais mi air thuras Bha mor-mhulad am chom; Gu’m b’e aobhar mo ghearain Meudachd m’eallaich ’se trom. [TD 92] Bha mi faicinn mo chunnairt Us mi uireasbhach lom; ’S ann ’bha m’fhireantachd fein Mar luirich eitidh lan tholl. Ged-a bhithinn ’ga caradh Dad ni’ b’fhearr cha bhiodh i; ’S cha robh doigh air a’ glanadh, Bha i’ salach gu ’brigh. ’S mur-a faighinn i bhuam Ma ’n cuirt’ ’s an fhuar-leaba mi; Rachadh m’iomain gu truaighe Le mo thruailleachd a sios. Bha mi’n ceo a bha dumhail ’S air mo shuilean bha sgleo; Cha bu leir dhomh an gaol A bha’m Fhear-Saoraidh, no ’ghloir; Ann am anam bha teagamh, Agus eagal ro-mhor,— Bha mi ’smaointinn air tilleadh, ’S mi a’ sileadh nan deoir. Bhean an Spiorad ri m’chrìdh’ Us Chualas bìnn-ghuth ag radh;— “Thig ’gam ionmsaidh-s’ gu h-ealamh ’S tuitidh d’eallach gu lar. Gheibh thu trusgan a ’s riomhaiche Na’n sioda ’th’ aig cach; Culaidh eireachdail sgiamhach, ’S tha i deante mar tha. ’S culaidh mhaireannach bhuan i, Culaidh uasail nan gràs [TD 93] ’Chuireas dreach air fear ’truaillidh, ’S a bheir suaimhneas us slaint. ’S deise ’dh ’fhanas glan ur i, Cha bhean stur d’i gu bràch; ’S deise ’mhùchas gach tein’ i, ’S cha mhill peileir i ’m blàr. Cheannaich mise gu daor i, ’S mi ’s an t-saoghal’s air chuairt; Air a chraoibh ann ad eirig Chaidh mo reubadh gun truas: Ach gheibh thusa gu saor i, Tha mo ghaol dhuit do-luaigh; ’S ann gu d’thearnadh bho dhoruinn ’Dh’ fhag mi ’ghloir a bha shuas.” Chlisg mo chridhe le eibhneas, ’S thug mi leum thuige null; Lasaich eallach mo ghuaillibh ’S thuit e fuasgailte dhiu.— “O m’Fhear-saoraidh ’s mo Righ Thu Bha Thu dileas ri m’chùl Ged bha mise lan truilleachd, ’S am neach suarach, gun diu. Bidh mi tuilleadh ad armailt, ’S faoin leam airgiod no or; ’S e mo shòlas ’s an t-saoghal so ’Bhi ’g aoradh dha d’ghloir.— Dean led’ Spiorad mo stiuireadh Cum mo shùil ort ri m’bheo; Dean mi dileas fo d’bhrataich; Na leig gealtachd am chòir.” [TD 94] III. FEACHD CHRIOSDA. ’S IOMADH saighdear ’tha gluasad Fo Thriath buadhach no gloir’.— Cuid diu misneachail laidir, ’S cuid diu sgàthach gu leoir; Cuid diu aidhearach, eibhinn, ’S cuid diu creuchdte ’s fo bhron; Cuid air liathadh le aois diu, ’S cuid diu aotrom, clis, og. ’S daoine ’rugadh a rìsd iad, ’S ris an fhirinn a dh’eisd. Tha iad truacanta, baigheil, ’S tha mor-ghradh ac’ d’a cheil’. Tha ac’fuath do gach peacadh Gach droch-cleachdadh, ’s mi-bheus; B’e am miann a bhi ’g imeachd An lagh Iosa ’s gach ceum. Bidh iad tric air an gluinean Us an suilean ri ’n Triath; ’S gur-a math leo bhi ’g eisdeachd Ris gach sgeul ’thig o bhial. Tha e ionmhuinn ’s gach doigh leo; Tha a ghloir mar a ghrian; Tha an cridhe air a ghradh daibh, ’S e ’dol bàs air an t-sliabh. Gur iad fein am feachd alainn, Latha blair air an raon, [TD 95] ’S iad ’s an eideadh a’s taitnich’ A theid fhaicinn air laoich. Tha gach ball de’n cuid armachd Laidir, dealrach, gun ghaoid.— Ni iad seasamh ’s an laraich, ’S cha’n ann failinneach, faoin. IV. AN CEANNARD. AM BROSNACHADH-CATHA. ORRA fein tha’n Triath calma, Fhuair e ainm thar gach sàr: Thug E buaidh air an Diabhol, Thilg E sios e fo ’shail; As an uaigh rinn E eiridh ’Dh ’aindeoin geur-ghath a bhais ’S thug E miltean de threubhan Gu bhi ’geilleachduinn dha. ’N uair a bha E ’san fhearann s’, ’S e a ceannach dhuinn slaint’, Bha E trocaireach, caoimhneil, Bha E aoibheil a ghuath. Math gach duine bha dhith air; Rinneadh miltean leis slàn. ’S tric a ghlan E na lobhair A bha lobhadh ’s a cnamh. Do na doill thug E leirsinn, ’S chuir E eibhneas nan com; Thug E ’n bhothar a chlaisteachd, ’S chuir E neart san fhear fhann; [TD 96] Chuir E ’m balbhan gu ’seanachas Gu neo-chearbach na champ; ’S chuir E ’m bacach gu leumnaich Mar fhiadh eutrom nam beann. Ri chuid saighdearan gaolach Tha ’m Fear-Saoraidh ag radh;— Na biodh eagal ’n ur n-inntinn, Bidh mi-fhìn leibh ’s gach càs. Bithibh misneachail, treubhach; Buailibh beuman gu dàn: ’S cumaibh cuimhn’ air na rinn mi Air a chraoibh ann bhur n-ait. ’N dream a chogas le dichioll Fhad ’s a bhios iad ’s a ghleann’, Theid a chrunadh mar righrean Anns an rioghachd tha thall. Leigh’sidh plasd’ de’n fhuil phriseil A ruith sios air a chrann Uile-chreuchdan gach firein A bhios dileas le ’lann. Ach an dream a tha gluasad Fo mo shuaicheantas ard, ’S nach bi dileas ’s an stri dhomh, Bidh am priosan gu brach. Cha bhi grian ac’ no solus, Sith, no sonas, no slaint; Bidh iad mar-ri ’m Fear-Buairidh, ’S e gun truas diu nan càs. [TD 97] V. BLAR. A BHUAIDH DHEIREANNACH. GUIDHE A BHAIRD AIR A SHON FEIN. FAIC a’ cath anns an araich Am feachd laidir aig Criosd. ’S iomadh saighdear ’tha craiteach Agus saraichte, sgìth. Tha na gaisgich a’s treine A faotuinn deuchainn gu leoir. Ged bu chalma Righ Daibhidh Fhuair e sàrachadh mor. Tha na cealgairean breugach Air bheag feum anns a bhlar; Cha’n ’eil sgil ac’ air snaidheadh Leis a chlaidheamh gu làr; Tha na saighdean ’gan reubadh, ’S iad gun sgeith ’sa bheil stàth. Tha na naimhdean gan saltairt, ’S a cur as daibh, gun bhaigh. Na fir ghaisgeil a’s dluithe Do cheann-uil nam mor bhuadh, Tha ri gniomharan mora, ’S a sior-leon an luchd-fuath’. Tha fein-fhireantachd ’s ardan ’Dol roimh ’n claidhean air ruaig, Dh’aindeoin ìnnleachdan Shatain, Troimh neart grais bheir iad buaidh. ’N uair ’thig Breitheamh an t-saoghaoil Do gach aon ’thoirt a dhuais, [TD 98] Theid an Diabhol ’s gach namhaid ’Chur a ’lathair le gruaim: ’S bidh gach saighdear a ’dearrsadh Ann an ailleachd bith-bhuan; ’S iad gun churam, gun sgios orr’, Thainig crioch air gach truaigh’. O nach seall Thu le truas Air duine truaillidh ’tha dall; Air mo thuras troimh ’n fhasach s’, ’S gun mo laithean ach gann. Thoir dhomh sealladh, mo Shlanaigheir, Air a ghradh a tha ’d’ chom, ’S theid mi ’chogadh fo d’bhrataich, ’S biodh do neart a cur leam. FEIN-MHEALLADH. IS lionmhor iad ’tha gu dian a gluas’d ’S an t-slighe bhronaich gu doruinn bhuain Us iad an dùil gu bheil iad gu siubhlach A ’dol gu luchairt ard-Phrionns’ nam buadh. Bu teann am Pharasach ann am beachd Gu’n robh efein ris gach ni bha ceart, ’S bu mhor a dhimeas air maor na cise A bha cho diblidh na thigh’nn a steach. Na urnaigh chluinnt e a’ seinn mar cheol Nach robh e gluasad an truailleachd mhoir Mar ’bha na truaghain a bha mu’n cuairt dha, ’S gu’n robh e stuam ’agus truacant’, còir. [TD 99] Bha anam truagh air àt ’suas le pròis Na mhaitheas fein bha e ’cur a dhoigh; An traisg ’san urnaigh nach robh le durachd, ’S nach seas an cunntas da aig a mhòd. Na h-oighean gorach le fonn bha ’gluas’d, ’S iad ’dol an comhdhail ’n fhir-phòsda nuaidh; Gidheadh bha ’n lochrain gun ola bheo annt’; Cha rodh ac’ eolas air meud a luach. Na h-oighean glic’ fhuar a staigh gu luath Do thaigh-na-bainns’, ach bha iadsan truagh; Bha’n dorus duint’ orr’ ’s cha’n eisdt’ an urnaigh Bho’n cridhe tùrsach ’bha iad ’cur ’suas. ’Fhir ’tha ga d’ainmeachadh fein air Criosd, A bheil thu ’g earbs’ ris le d’uile chridh’? ’Bheil thu ’toirt graidh dha, ’s a coimhead aintean, ’Sa ’g iarraidh ’shlaint’ thar a h-uile ni? Bi gluas’d a lunndair’ ’tha ’diultadh Chriosd; Tha facal Dhe ’cur an ceill le cinnt’ Ma thig am bàs ort ’s tu an staid nadair Nach faic thu slaint’ ach gu’n teid thu dhìth. A Righ nan righrean a tha gu h-ard Dean sealltainn ’nuas oirnn le iochd us gradh, Math dhuinn ar fiachan air sgàth an Ti sin ’Thug suas mar iobairt E-fein ’n ar n-ait’. [TD 100] AM BUAIREADAIR. THA naimhdeas ’s an Diabhol do Dhia us do dhaoin’, Do mhaitheas, do dh’àilleachd, do dh’àdh, us do ghaol. ’S e ’thlachd sinn ’bhi’ gluasad an truailleachd an t-saoghail s’, ’S an t-slighe ’bheir sios sinn do phriosan na daors’. Bu tràth chaidh e ’n ghàrradh gu Adhamh us Eubh’; ’S le ’chomhairlean fhuair e gu luath iad fo gheill. Na crùin a bha ’dearrsadh mar ailleachd na grein’ Thuit sios air an lar, ’s chaidh an adh leo air sgeith. ’N uair shiolaich sliochd Adhaimh ’s gach aite mu’n cuairt Chuir Satan annt’ neoghloin us morchuis us fuath. Sheall Dia orra ’n corruich, ’s bho dhorsan nan speur Bhrùchd tuil a chaidh thairis air ’n talamh gu leir. Bha ’m bàs a nis ’saltairt fo’chasan gach ni; Bha inntinn lan solais ’s gach beo ’dol a dhìth, Ach Noah ’san t-seachdnar ’bha steach leis fo dhion.— Fhuair iadsan lan-shabhailt air ard-bheinn gu tir. Bha Satan gu luath ’dol mu’n cuairt mar-a abh’st, ’S a buaireadh sliochd Noah gu teoma ’s gu dàn. [TD 101] Luchd-Aiteachaidh Shodoim ’s Ghomorraih dha gheill; Bha’m peacannan uamharr, ’s iad gluasad na dheigh. Le cumhachd na feirg ud ’tha anabarrach geur Leum diogh’ltas gu buadhach a nuas orr’ bho neamh. Bha pronnasg us teine ’gam milleadh le cheil’, Us loisgeadh gu’n grunnd iad nan smùid ris an speur. Bha Satan ’san fhasach gach la ’dol mu’n cuairt ’Sa buaireadh nan daoine le Maois a bha gluas’d. Fo iul thug iad aoradh ’nam faoineis gu truagh Do’n laogh a rinn Aaron de dh’fhàineachan chluas. Ghrad-lionadh leis Corah na dobheirt le uaill, ’S thuit tein’ air a dh’fhag air an lar e na ludth. Rinn Datan ’s Abìram dha striochdadh gu faoin, ’S an talamh shluig beo iad, ’s bu bhronach an glaodh. Fo ’stiuireadh chuir Achan, ’n uair bha e ’sa chàmp, Aur falachan t-airgrod gu cealgach le sanut. Chaidh tharruinn do’n mhachair ’s a chlachadh gu bàs; ’S chaidh Dia leis an t-sluagh ’s thug iad buaidh anns a bhlar. Gu Daibhidh, ’m fear-ciuil, an righ cliuiteach, ’s an sàr, Chaidh Satan us ghluais e gu uaill e a’ chlaidh ’n. [TD 102] Dh’at corruich Iehobhaih, ’s bha bron anns gach ait’ ’S am bas ’cur nam mìltean gu dith leis a phlaigh. Tha Satan gach la anns gach ait ’dol mu’n cuairt ’S a sgaoileadh a liontan ’tha lionmhor roimh shluagh, ’S ga’n glacadh ’s ’gan turruinn nan aineolas truagh Do dh’ifrinn na doruinn ’s a bhroin a tha buan. O moladh biodh dhasan a thainig a nuas ’Chur Shatain fo ’shàiltean ’s thoirt slainte da shluagh. Le gràdh thoir do chridh ’dha, ’s na fhirinn bi gluas’d, ’S ’n uair fhagas tu ’n tir s’ theid thu ’n rioghachd ’tha shuas. SEASMHACHD IOB. THA ’m fear-millidh a’ gluasad Gu dian siubhlach mu’n cuairt anns gach àit, Bidh e ’caitheamh a shaighdean Ann an broilleach gach saighdeir gach la. Chaidh e ’bhuaireadh an fhirein Bha ’n Arabia spìosrach a’ tamh, Ach cha d’ghlac e na lion e ’Dh’aindeoin innleachdan miorunach, dàn’. ’Dh’ionnsaidh Iob thainig teachd’rean Rinn an naigheachd neo-thaitneach ’thoirt dha, [TD 103] Gu’n do chaill e gach ni ’bh aig’; ’S gu’n robh oglaich ’bha dileas da ghnath, Us a nigheannan oga ’Sa mhic aluinn gun deo air an lar. Reub e ’fhalluinn us shleuchd e Ann an lathair a Dhe na chruaidh-chàs. Thuirt e, Thi a tha riaghladh ’S ann an ceartas a deanamh gach ni, Gun or, gun urram, gun earras Thainig mise nam leanabh do’n tir s’, ’S lomnochd cuiridh mo chairdean Ann an ciste nan clar mi’ ’sa chill: Thugadh dhomh ’s thugadh bhuam leat; Thoiream moladh bithbhuan dhuit bho m’chridh. Le trom-neasgaidean lionadh Iob bho mhullach a chinn gu a shail; Ghabh e slige ga sgriobadh ’Se san luaithre na shìneadh an cràdh. Thuirt a bhean ris, “Am bi thu Do dh’Iehobhah a striochdadh ri d’la? Mallaich E ’s E gun trocair ’S rach a chomhuaidh fo’n fhoid leis a bhas.” Fhreagair esan,—“’Bhean ghorach Tha do chainnt ’cur ri doruinn mo chridh’, ’N gabh sinn saibhreas us slainte Bho laimh chumhachdaich ghrasmhoir ar Righ’, Us an diult sinn le ardan Bochdainn, trioblaidean, cràdh, agus sgios? Bhiodh e ceart do’n Ard-Riaghlair Ar grad-thilgeadh gu piantan a sios.” [TD 104] ’Dhe, dean mise dhuit dileas Mar bha Iob anns gach ni ri mo la. Anns gach cor biodham striochd ’dhuit, ’S thoiream moladh bho m’chridh’ dhuit le gradh. Dubh mo pheacannan lionmhor Mach a leabhar do chuimhne gu bràch. Thoir bho ’n bhuaireadair dion dhomh, ’S cum mo shuil air an Ti ’sheas nam ait. DILLSEACHD AGUS DUAIS NAN ABSTOL. ’N UAIR a dh’eirich an Treunfhear, ’S e gun chreuchd air, gun fhailinn, Chaidh E ’thional a dhaoine, ’S iad air sgaoileadh ’s gach aite. Chuir E ’bhuidheann ri ’cheile, ’S bha iad eibhinn na lathair.— ’S thug e àithne dhaibh ìmeachd ’Thoirt fo chìs dha gach aite. Thoirt fo chis dha gach aite Ghluais gu dàna na treun-laoich, ’S iad gun eagal, gun churam; Bha an suil anns gach ceum ris. ’S glan a dhearbh iad fo bhrataich A bhi sgairteil, cruaidh-bheumnach.— Sheas iad uile le cruadal, Cha do ghluais iad gu ’threigsinn. Cha do ghluais iad gu ’threigsinn; Bha iad eudmhor nan cridh ’leis. [TD 105] Bha ac’ cuimhn ’air na rinn E Air a chraoibh ’dh’fhaotuinn sith ’dhaibh. Bu tric ’thugadh dhaibh tamailt, Bu tric saraichte sgith iad’ Bu tric ’thugadh dhaibh buillean ’S chaidh an cur ann am priosan. Chaidh an cur ann am priosan Air sgàth ’n Ti a thug gaol dhaibh Ach ’s ann ’chunnt iad mar urram A bhi ’fulang na aobhar. Aig an Triath bha dhiu cùram, Bha a shuil orra daonnan. S thug E ’luchairt an aidh iad, ’N uair a dh’fhag iad an saoghal s’. ’N uair a dh’fhag iad an saoghal s’, Bha ac’ saorsa bho thruaighean,— Cha ruig naimhdean gu brach orr’, ’S cha dean Satan am buaireadh. Cha bhi acras no sgios orr’ ’S cha bhi ni ’cur orr’ bruaillein, ’S iad a seinn le toilinntinn Ann an rioghachd an t-suaimhneis. Ann an rioghachd an t-suaimhneis Tha an duais aig na sàr laoich. Chaidh le naomhachd an comhdach, Trusgan glormhor na slainte. Tha ’m Fear-Saoraidh toirt eolais Agus sòlais na ghràdh dhaibh. Tha ac’ beatha neo-chriochnach, Tha gach ni ac’ a’s aill leo. [TD 106] CRAOBH-SGAOILEADH AN T-SOISGEIL ANNS AN TIR SO. THA naigheachd anns an rioghachd so A ruigeas linn no dha; ’S a bhios na h-aobhar taingealachd Do’n chlann nach do rinn fas. Tha ’n soisgeul air a mhìneachadh Le firinn us le gradh A mach air feadh nan coilltichean, ’S gu’n cluinn iad e ’s gach ait. Bha cheann tri-fichead bliadhna Bha an t-ait’ so fiadhaich fàs, Gun taigh, gun duin’ ach Innseanaich; ’S e’n diugh gu tiorail, blàth. Gu’n d’ullaich am Fear-Saoraidh e Do dhaoine ’bha nan càs, ’S a chuireadh thar nan cuantan Leis na h-uachdarain gun bhàigh. An sluagh air tùs a thainig ann Bha iomadh la gun doigh Am fearann bha ri ’reiteach’ ac’, ’S bha ’n clann gun fheum ’s iad og. ’Bu tric iad claoidhte saraichte ’S a failneachadh ’chion loin; Bu tric le fuachd a’ fulang iad, ’S am mulad bha ’gan leon. Mu’n tainig Maighstir Seumas thuc’, An teachdair’ eudmhor, suairc, [TD 107] Bha iad gun neach gu’n treorachadh ’S dluth-cheo orra mu’n cuairt. Thug esan moran leirsnn dhaibh Mu eifeachd fuil an uain Gu glanadh dhinn gach grainealachd ’S gu’r sabhaladh bho thruaigh’. Gur h-iomadh ait ri la-san ’Bha nam fasaichean fo choill’ Us mathainn fhiadhaich ’chomhnuidh annt’, ’S loin* chabrach mhor na loinn. Bu tric air bhrogan sneachd e ’Dol air astar feadh na tir’; Bu tric ’bha fuachd us acras air, Bu tric e tartmhor, sgith. Ard-chliu do’n Ti ’tha riaghladh, Do nach h-’eil do-dhiannte ni; An diugh tha eich us carbadan A’ falbh air feadh na tir’. Tha biadh us deoch gu leoir againn ’S gach ni tha oirnn a dhith. ’S tha iomadh aodhair’ gleust’ againn A tabhairt sgeul mu Ios’. Am Biobull tha ’n ar laimh againn An cainnt a thuigeas sinn, A chainnt a bh’aig ar mathraichean ’S a bhios gu brach leinn binn. Mu innleachd mhoir na slainte Tha ’n diugh eolas ard ’san tir ’S tha moran innt’ r’am faotuinn Thug do dh’Ios’ le gaol an cridh’. * Lon, a moose. [TD 108] Gu’n d’ullaich Dia taigh-foghluim dhuinn Na throcair mhoir tha buan, ’S bidh eolas air a sgaoileadh as Mu chionta dhaoin ’s mu’n truaigh’; Mu cheartas Dhe ’s mu ’naomhachd Us mu chaomhalachd ’s mu ’thruas; ’S mu ’n t-saorsa ’cheannaich Iosa Leis an iobairt ’thug E ’suas. Gur t-obar anns an fhasach e, ’S tha ’n t-al so dheth ag ol; Gur craobh e ’meadhon garraidh Tha de thoradh làn gu leoir; Gur lochran e ’tha ’soillseachadh ’S an oidhch’ le solus mor.— ’N oid-fhoghluim a tha teagasg ann, Tha freag’rach air gach doigh. Aig triuir a chaidh ann ionnsachadh Tha ’chainnt dheas shughmhor, bhinn, A chleachd a bhi ’s an duthaich ’S an robh sinn an tùs ar tim; ’S bho ’m bilibh innte cluinnidh sinn Am briathraibh cuimir, fior, An naigheachd thaitneach, fhallain ’Bheir o amaideachd an cridh. ’S e’ n soisgeul sgeul a’s luachmhoire A chuala cluas ri tim. Gur sgeul e ’dh’fhagas sòlasach Am peacach bronach tinn. S an leis tha ’n spiorad grasmhor A toirt slainte dhuinn us sith; [TD 109] ’S gur h-eachdruidh tha do-rannsaicht ’e Os-ceann a h-uile ni. Tha ’n soisgeul binn a’ sgaoileadh ’N iomadh ait’ ’san t-saogh’l an drast; Tha gathan Grian na Firinteachd ’Dol do gach tir le ’m blàths, Luchd-teagaisg diadhaidh truacant’ Tha ’dol thar nan stuadhan ard; Tha sluagh ’cur cùl ri’n iomhaighean ’S a tigh’nn gu Ios le gradh. Ged ’s iomadh ait’ ’s an t-saoghal ’S a bheil daoine ’n diugh aig Criosd Tha curam de gach aon diu aig’ ’S E ’toirt dhaibh naomhachd cridh’. Ged gheibh iad anradh ’s sàrachadh, Na tonnan ard ged ’bhios, Bheir E do chala sabhailt’ iad, ’S bidh iad gu brach fo dhion. A shluagh bidh uile chomhnaidh leis ’S iad saor o bhron s o chràdh Bidh oighreachd ghlan neo thruaillidh ac’ Nach mill droch-shluagh no ’m bas. Mar ghrein bidh iad a soillseachadh ’S an cridh’ le aoibhneas làn; A’ seinn na h-aleluia Le caithream ciuil gu h-ard. Ri dol mu’n cuairt na righ-chathrach Cha ’n fhàs iad sgith no fann ’Toirt cliu do’n Ti a ghradhaich iad ’S a sheas nan ait fo’n bhann. [TD 110] Le ’fhuil ghlan E gach truailleachd bhuap’ ’Bha fuaighte riu gu teann, Us chrùn E iad nan righrean Anns an rioghachd ’bhios gun cheann. The first settlers in Pictou County were six families who came from Maryland in 1767. It was in 1773 that the Highlanders from Lochbroom arrived in the ship Hector. “Maighstir Seumas,” Dr. M‘Gregor, came in 1786. The first Gaelic-speaking ministers educated in Pictou Academy under Dr. M‘Culloch were, the Revs. Angus M‘Gillivray, Hugh Ross, and Hugh Dunbar. Mr. M‘Gillivray was ordained in 1824, and died in 1869. NEOCHINNTEACHD AR BEATHA. ’PHEACAICH chaillte gun chùram A do chadal bi dusgadh a suas; Teich, ’s do bheatha neo-chinnteach ’Dh’ionnsaidh baile an didein gu luath, Is fior ghoirid an uine Gus am bi thu ’gad ghiulan aig sluagh, ’S tu fo chumhachd an righ sin ’Bheir gach duine ri tim leis do ’n uaigh. Mar fhaoin-fhaileas ’san fheasgar, ’S e gu siubhlach a’ greasad a d’lath’r; Mar cheo tan’ air na sleibhtibh, ’S e roimh ghaithibh na greine a snamh; [TD 111] Mar spàl ealaimh na beairte, Mar eun clis ’se le ’neart ’dol troimh ghleann, Mar ghaoith dhein air uchd mara, Tha do laithean ’dol thairis nan deann. Thig do cholunn gu talamh Ach gu crich cha tig d’anam gu bràch; Bidh e mar-ri ’Fhear-Saoraidh, No le ’namhaid an daorsa ’s an cradh. Co a thuigeas no dh-innseas Meud an fhad tha ’s an t-siorruidheachd mhoir, ’Bheil thu deas gu dhol innte, ’S tu ’nad namhaid do dh’Iosa ’s da ghloir? Tha an saoghal so carach ’S iomadh doigh air an dallar leis sluagh; Bidh e ’gealltainn dhuinn sonais Bho gach faoineis bhochd dhona neo-bhuan; ’S tha thu ’g eisdeachd ri ’bhriagan, ’S tu a seoladh fo ’riaghladh gu truaigh’.— Till us iarr ’chum a chala, ’S nach bi cunnart no gaillionn no stuadh. ’N uair a sheallas am bàs ort Theid do mhais ’agus d’ailleachd air chul; Bidh do mhorchuis us d’ardan Air an leagadh le tair anns an uir. Bidh do thaighean ’s do storas Aig daoin’ eil ’ann an coir air dhuit falbh; Am fear-saibhir a’s gionaich’ Cha toir bonn leis do dh’ionad nam marbh. An neach morchuiseach ard thu, Tha ri tàir air do bhraithrean ad’ chridh? [TD 112] Gu de ’dheireas dha d’mhòrachd ’N uair a chairear fo ’n fhoid thu ’s a chill? Ged is neach thu tha cleachdte Ri ’bhi ’labhairt gu smachdail ’s gach stri, Cha bhi eisdeachd aig d’fhacal ’N uair a leubhar an ceartas do bhinn. Na bi ceann-laidir, gàbhaidh, ’S nach ’eil annad ach sgail’ anns an fheoil; Air a bhàs cha tig cadal, Tha e tarruinn gun stad leis fo’n fhoid. Cha’n ’eil fios gu de ’mhionaid ’S an cuir Dia e ’gad’ shireadh s ’gu mòd. Dh’fhaoidt’ mu ’m priob thu do shuilean Gu’m bi d’anam fo dhunadh am bron. Bha Samaria ’n eigin Air an teannachadh geur a chion bidh; Rinn am misneach an treigsinn; Bha iad toileach air geilleadh le sith; ’N uair a dh’innis am faidhe Gu’m biodh pailteas am maireach ’san tir; Gu’m biodh tomhas air sècel Air a reic gus am feum de mhin mhìn. Thuirt an t-Uachdaran stràiceil Aig an robh an treas àite fo’n Righ, Ged a dh’fhosgladh na neamhan, Ciamar dh’fhaodadh an gràs sin a bhi’? Fhuair e sealladh le ’shuilean Mar a dh’innseadh mu’n chuis da le cinnt’, ’S chaidh a shaltairt ’s a mhùchadh Anns a gheata gun churam d’a chrìch. [TD 113] Bha aig namhaid nan Iudhach, Hàman fuileachdach prionnsail na prois’, Moran oir agus airgid; B’ard a chumhachd us ainm us a ghloir: Bha mor-mheas aig an righ air, Cha robh iochd’ran ’s an tir bha cho mor; Ach bu ghrad ris an làr e; Chaidh a chrochadh mar mheairleach air ròp. Ananìas ’s Saphìra Chaidh a ghlacadh ag innse nam breug. An ni ’chumadh bho Dhia leo ’S an taigh-chumhann cha deanadh dhaibh feum. ’N eaglais fhaicsinnich Chriosda Tha’n diugh oighreachan lionmhor nan deigh, Mar tha’n dream ’bhios ag aoradh ’Chum ’s gu’m faicear le daoin’ iad ’s an treud. Bu duin’ uaibhreach righ Hèrod; Bha e farmadach, feineil, gun truas. Shìn e lamh, ’s e gun eagal, Air an dream a bha ’teagasg le buaidh. Airson aingidheachd dhàna Bhuail an t-aingeal e’n lathair an t-sluaigh; Dh’eirich cnuimheagan breun ann, ’S chuir iad crioch air an eucorach thruagh. ’N uair thig deireadh an t-saoghail Cruinnichidh Dia a shluagh gaolach r’a cheil’; As gach duthaich us fine, As gach rioghachd us ionad fo’n ghrein. Cha bhi bròn aca tuilleadh; Cha bhi leon orra, buille, no beum. [TD 114] Bidh iad mar-ris na h-aingil, ’S ris an Ti sin a cheannaich dhaibh reit’. Theid na h-aingidh a dhiteadh; Theid an iomain gu priosan a bhroin; Far nach mùchar na teinntean ’Bhios nan lasraichean puinnsein ri ’n sroin. Cha bhi sòlas no aoibh ann, Cha bhi la ann, ach oidhche gun cheol. Cha bhi moladh ’ga sheinn ann, ’S bidh ann mallachadh oillteil ’s gach doigh. An Ti ’cheannaich dhuinn slàinte Tha toirt cuiridh na ghràdh do gach dream. Do gach aon a bheir geill dha Bheir E saorsa bho eucailean trom’. Seall, a pheacaich, mar bha E Fulang doruinn ’n ad ait air a chrann, Treig do chleachdainnean graineil S lean led’ chridhe gach là E gu teann. ABHAINN IORDAIN. ’N UAIR a pheacaich ar sinnsreadh Chaill iàd iomhaigh na gloire. Thainig truailleachd nan inntinn, ’S thainig crioch air an sòlas. An lagh naomh bha ’gan diteadh ’Dh’ ionnsaidh priosan na doruinn. Fhuair am bas iad fo chis da, ’S bha toilinntinn gu leoir air. [TD 115] Tha am bàs le ’ghath buadhach Dol mu’n cuairt anns gach aite, ’S e ’cur roimhe gach duine ’Chur gu buileach fo ’shailtean. Cha’n ’eil iochd ann ri creutair, ’S e ’bhi ’creuchdadh ’tha ’dhith air. Cha deach as bhuaith ach Enoch ’S am faidh’ eudmhor Elisha. Thug e Abraham cliuiteach A thoirt umhlachd mar righ dha. An triath morail sin Maoise ’S an tigh chaol chuir e sìnte. Rinn e greim air Eoin Baiste Ged bu ghaisgeil an laoch e. Rinn na h-abstoil dha striochdadh ’S thainig crioch air an saothair. Cha’n ’eil innleachd aig daoine ’Ni ’san t-saoghal so dion daibh; Tha am bas a sior-tharruing Leis do thalamh na siorruidheachd. Bha Methusela aosmhor Thar gach aon a bha riamh ann; Gidheadh thainig am bàs air ’S as an fhasach so thriall ’e. ’S gearr an uine ’theid ar fagail ’N ar luchd-taimh anns an tir so. Na chaidh seachad de’r saoghal Tha mar fhaoin-sgeul a dh’ innseadh. Mar an spàl tha ar n-uine ’Ruith gu dluth gu ceann-criche; [TD 116] No mar cheo ’dol na dheannaibh Thar nam beannaibh roimh dhian-theas. Gu’m b’e Abel na naomhachd An ciad aon a chaidh thairis Do thir aoibhinn Chanàain, ’S bha e ’snamh na chuid fala. Tha’n diugh mìltean gun aireamh ’S an tir alainn sin mar-ris, ’S iad a’ moladh an t-Slanaigheir A thug gradh dhaibh ’s a ghlan iad. ’S aobhar uamhais d’a rireadh ’Bhi ’dol ’sios gu sruth Iordain, Do na daoine tha gluasad A reir truailleachd na feola. Cha’n fhaigh duine dhiu thairis ’Dh’ionnsaidh fearann an dochais; Bheir an sruth iad, ’s e laidir, ’Sios do dh’aite na doruinn. Gheibhear daoine anns an eaglais ’Tha gun eagal Iehobha, Mar bha creutairean graineil Anns an airc a bh’aig Noah: Ach an rioghachd na naomhachd Cha bhi aon ’s am bi fotus,— Neach a mhilleas no thruailleas No a ghluaiseas an do-bheairt. ’S beag am feum a ni lochrain ’Dhol an comhdhail fear-bainnse, ’S iad gun bhoinne de dh’ola, Cha tig solus no soills’ bhuap’. [TD 117] ’N uair a ruisgear an cleoca ’Bha ’ga chomhdach de’n t-slaightear Theid a thilgeadh do thruaighe; ’S bidh a dhuais aig an t-saighdear. ’N uair theid fithich na ceilge Nach dean seirbhis air fogairt, ’S ann a thilleas na calmain Ann an earbsa ri trocair. Tha gach aingidh a’ gluasad A reir truailleachd na feola, Ach gach firean tha ’faotuinn ’S an Fhear-Shaoraidh an sòlais. Chi sinn daoine math, dileas, A’ dol sios gu bruaich Iordain, Lag an creideamh us sgàthach, ’S goirt tha’n namhaid an toir orr’. ’S chi sinn cuid ’s iad a’ gluasad Mar laoich bhuadhach gu comhrag; Tha mu’n coinnimh gu soilleir Triath an t-soluis ’s na gloire. Thar sruth Iordain gu sabhailt’, ’Dh’aindeoin Shatain us truailleachd, Gheibh gach aon a tha leanachd An Ti ’cheannaich dhuinn suaimhneas; ’Tha le sòlas ag ol De’n charraig ghlormhoir a bhuaileadh, ’S a tighnn beo air a mhana, Biadh nan aingeal ard-bhuadhach. Gheibh iad thairis do’n tir sin ’S am bi sith agus suaimhneas, [TD 118] Tir a chiuil us a mholaidh Tir an t-sonais nach gluais bhuap’, Tir an t-soluis ’s an t-samhraidh, Cha bhi geamhradh no fuachd innt’; Tir na maise ’s na slainte, Tir gan namhaid, gun bhruaillein. Ged bha Lasarus bochd dheth Làn de lotan ’s de chreuchdan, ’S e na shuidhe aig an dorus Comhl’ ri conaibh nan treudan, ’N uair a chaidh e thar Iordain Bha gach leon a bh’air leighste; Rinn na h-ainglean a ghiulan Gus a chuirt an robh’n t-eibhneas. Gu bheil eachdraidh ’n fhir shaibhir Bha le sgarlaid air eideadh, ’S e a ruagadh faoin-shonais, Cur gu soilleir an ceill dhuinn, ’N uair theid duine thar Iordain ’Dh’àite bhroin us an leir-sgrios Nach bi doigh aig air faotuinn ’Dh’ionnsaidh saors’ agus eibhneis. Smaointich, anaim neo-bhasmhoir, Air cho gearr ’s a tha d’uine; Air do pheacannan sgreamhail, ’S air an teine nach mùchar; Air sruth Iordain a beucaich ’S tu leat fein a tigh’nn dluth dha, ’S teich gu Iosa ’s E ’g eubhach Thig le d’chreuchdan am ionnsaidh. [TD 119] Bheir E ola nan gras dhuit, ’S anns gach càs bidh a shuil ort; Bheir E trusgan na bainns’ dhuit, Ged-a b’aingidh do ghiulan; Bheir E sith dhuit us slainte, ’N dara bàs cha tig dluth dhuit; Ni E glan na chuid fala thu, ’S theid le caithream do chrunadh. ’Thi ’tha ’riaghladh am Flaitheas Ann an cathair na glorach, Seall a nuas oirnn an caoimhneas ’S thoir na doill gu ’bhi eolach; Leig dhuinn fhaicinn ar truaighe Gloir an Uain us a throcair, ’S dean sinn deas airson gluasad ’Null thar fuar-shruthaibh Iordain. UAMHAS A BHAIS. O ’DHUINE thruaigh nach duisg thu ’suas, Nach smuainich thu an trath. Nach seall thu ’n uaigh, thu air a bruaich, ’Si ’gabhail bhuainn gach la. Tha cuid de ’n t-sluagh ’bha dhuit mu’n cuairt Nan laidhe ’n suain a bhàis; Cha’n ’eil e’n dualchas dhuit ’bhi buan ’S nach fearr do bhuaidh na càch. Tha’n t-am dhuit gluasad a do shuain, Bi ’dol air chuairt gun dail; [TD 120] Nach faic thu ’n t-Uan a chaidh a bhualadh ’S a thug buaidh le ’bhàs. Thig ’ga ionnsaidh le làn-durachd ’S bi ’toirt umhlachd dha; Treig an saoghal na toir gaol dha, ’S e ’gad aomadh cearr. ’N uair thig an t-Eug le ordagh Dhe, Co’n neach nach geill na lath’ir? Ge mor do bhosd a neart do dhorn Cha toir thu comhrag dha. Gu’m fag e dall thu, us gun chainnt; Gu’n treig do lann ’s do lamh; Gu’m fag e leoint’ thu, ’s gheibh e coir ort ’Dh’aindheoin d’eolais aird. ’S e righ nan uamhas e do’n t-sluagh ’S an olc ’tha gluas’d gach la; A diultadh eisdeachd ri guth Dhe, ’S air fuil na reit’ ri tair. Tha e ’gan spionadh bho gach ni Dha’m bheil an cridh’ toirt graidh. ’S ’gan toirt a sios gu truaighe dhian; Cha’n fhaic iad sith gu bràch. Ar namhaid innleachdach tha ’g inns’ Do shluagh gach tir a ghnath, Gu’m foghainn dhuinn tigh’nn ’dh’ionnsaidh Chriosda Beagan tim roimh ’n bhàs. Ged bhios am breugaire ’gad theumadh, Na toir eisdeachd dha. [TD 121] Eisd bho do chridh ri Triath na sith’, ’S bheir e dhuit dion na ghràs. Bha ann neach araid uair a bha ’Dol ’thogail shaibhlean ur’, A chur de bhiadh annta na dheanadh Iomadh bliadhna dh’uin’, ’S a dol a radh ris fein gu dàn, “Ith ’s ol gach la le sunnd; Bho’n tha gu leoir nam thaighean stoir Gu’m bi mi beo co dhiu.” Anns a cheart am ’s an robh na cheann Na beachdan mealltach, truagh s’, Thug gath a bhàis e ’dh’ionnsaidh ’n lair, ’S bha crioch air laithean uaill’. Bu bheag a dhuil r’a thoirt gu cùnntas Ann an uin’ cho luath.— Co ’chuireadh earbsa ’n storas talmhaidh! Biodh ar n-ionmhas shuas. O moladh dh’asan ’thug dhuinn gradh ’N uair ’bha sinn graineil truagh! Ghabh E ann fein geur-chlaidheamh Dhe A chum ’s nach creuchdte ’shluagh. Fhuair E dhaibh coir air saors’ o bhron, Air gloir ’s air sòlas buan; Am bas dhaibh bidh na theachdair’ sith’ A bheir gu crich gach truaigh. Cha’n urrainn daoin’ no ainglean naomha Gradh ’n Fhir-Shaoraidh inns’, Cha d’inntrich trian an cridhe riamh De ’mhaitheas fial gun chrich. [TD 122] Tha neart na ghairdean gus ar tearnadh Ged is graineil sinn.— A pheacaich bhasmhoir, duisg gun dail ’S le gradh thoir dha do chridh’. DEAN DEAS AIRSON A BHAIS. ’S AOBHAR broin mar-a tha thu, ’Pheacaich ghraineil gun churam; Tha ard uabhar na beatha ’S an t-sligh’ leathain ’gad stiuireadh. Tha do namhaid gu seolta ’Cumail sgleo air do shuilean; ’S tu, le miannan na feola, ’Toirt gu deonach dha umhlachd. Tha thu salach ad nadar ’S tha ’n Ti ’s aird’ ann an diomb ruit. ’S tha ’n lagh naomh ’ga do dhiteadh ’Dh’ionnsaidh priosan na tùrsa.— Tha an t-am agad eiridh, ’S tigh’nn le eibhneas a dh’ionnsaidh An Ti ’dh’fhuiling ’n ar n-àite, ’S do na h-àintean ’thug umhlachd. Nach do leubh thu mu’n oig-fhear ’Dh’fhalbh gu proiseil a dhuthaich. Bha e amaideach, gòrach, Chaith e ’storas gun chùram. ’N uair bha uireasbhuidh lòin oir, ’S e gun chomhdach, ach ruisgte, [TD 123] Dheirich ciall ann, ’s gu athair Ghabh e’n rathad gu siubhlach. Chunnaic athair e ’s leum e ’Dheanamh greim air le dùrachd; Bha a chridhe làn sòlais E ’thigh’nn beo ’s nach robh duil ris. Dh’iarr e ’chulaidh a b’fhearr A thoirt, gun dail ann, ’ga ionnsaidh, Chuir e uime sàr uidheam ’S chuir e’n suidhe luchd-ciuil dha. An Ti ’chruthaich gach duine Tha ’gad chuireadh s’ ’ga ionnsaidh. Cha’n ’eil tlachd ann ad bhàs aig’; Tha e làn de dheadh run dhuit. Treig do pheacannan graineil, ’S thig na lathair le ùmhlachd; Bheir e mathanas slàn dhuit, ’S bheir e àite na chuirt dhuit ’N uair a theid thu do’n leaba Seall na th’agad de rum innt’. ’N leaba ’s cuinge ’s a’s isle Bidh tu sinte’n gearr-uine, Ann an talamh na di-chuimhn’ Far an crion thu gu smùrach. Tha do bheatha ’san fhasach so Mar sgàil a bhiodh siubhlach. ’N uair a sheallas am bàs ort Gus do laithean a dhunadh. Cha’n fhaigh urram no saibhreas No do chairdean dhuit uine; [TD 124] Cha toir spionnadh do ghairdein No do shlainte dha diultadh; ’Dh’aindeoin d’ailgheis ’s do mhorchuis Bheir e ’chomhnaidh fo’n uir thu. Na bi ’g earbs’ as an oige, ’S tu ri goraich’ us sugradh. Falbh gu ionad nan uaighean, Seall mu’n cuairt ann le curam. Tha do cho-aoisean sint’ ann, ’Bha cho innleachdach tùrail ’Sa tha thusa, mu’n dh’fhalbh iad, Us cho meanmnach, bras, luthmhor. Chi thu ’n sin do luchd-eolais; Fear an fhoghluim ’s an t-umpaidh. Tha ’m fear liath ann ’s an leanabh Ged nach b’ionnan da’n giulan. 'S tha na naimhdean cho samhach 'S ged bu bhraithrean bho thùs iad, ’S iad a’ feitheamh ’s an glaodhar Sluagh an t-saoghail gu cunntas. SMAOINTINNEAN MU’N BHÀS. GUR muladach a tha mi; Mu’n bhàs tha mi ’smaointinn. Gach latha tha na mìltean Do’n chill leis ag aomadh. Ma bheir e mise ’sios leis Do phriosan na daorsa [TD 125] Gu’m b’fhearr nach deachaidh m’arach Gu àiteach an t-saoghail. Is truagh mi, mar-a tha mi Gach la air mo bhuaireadh; Mo naimhdean guineach, fiadhaich Tha ’g iadhadh mu’n cuairt dhomh; ’S a sgaoileadh an cuid liontan Le ìnnleachdan fuath’sach, Gu m’tharruing dh’ionnsaidh ditidh An rioghachd an uamhais. Gur h-iomadh latha ’bha mi Nam thraill do m’ luchd-mioruin; Gun smaointinn air a bhàs No gu’m fagainn an tir so. Mo thruaighe cha bu leir dhomh, No m’fheum air fuil Iosa; Mar ainmhidh bha mi baoth, ’S ann air faoineis ’bha m’inntinn. ’Fhir-Shaoraidh a tha glormhor ’S do throcairean fialaidh, Nach tagair thu mo chàs Bho na phaidh Thu na fiachan! O tarruing le do ghràs mi Fo sgaile do sgiathan, ’S gu’m bithinn air mo thearnadh Gu bràch ann ad fhianais. Nach smachdaich Thu gach namhaid ’Tha’n drast as mo dheigh-sa. A creach thoir bho ’n fhear laidir, ’S dean fardach dhuit fein diom. [TD 126] Bho’n dh’fhuiling Thu ’nam aite Na fàg us na treig mi. O tarruing a staigh dluth mi, Us stiuir anns gach ceum mi. Thoir sealladh air do ghloir dhomh Le dòchas ri slainte; ’S gu’m bidhinn air mo dhùsgadh ’Thoirt umhlachd dha d’àintean. Thoir soilleireachd troimh ’n cheo dhomh Na neoil cuir a m’lathair; Us glan mi bho gach truailleachd ’Tha fuaighte ri m’nadar. BRUACH IORDAIN. CHAIDH mo cheum ann am maillead, ’S tha mo shealladh ’gam threigsinn. Tha mi dluth air bruaich Iordain, ’S gur-a bronach mo sgeula. Bha mi ’diultadh mo chridh’ A thoirt do’n Ti ’chaidh a cheusadh, Bha mi ’leanachd mo namhaid, ’S mi mar thraill a toirt geill dha. ’Nuair bu choir dhomh ’bhi smaointinn Air an aon ni’ bha feumail, Gur h-e bruadaran diomhain ’Bh’ann am inntinn ag eiridh. Bha mi ’siubhal nam beann ’S a ruith gu teann air bheag ceille, [TD 127] ’Ruagadh sholasan faoine, Mheall an saoghal na dheigh mi. Tha mo pheacannan lionmhor, ’S ann am chridh tha gach truailleachd; ’S tric fein-fhirinteachd ghraineil ’Tigh’nn gu dana mu’n cuairtdhomh. ’S iomadh lot ’thug mi dhasan ’Sheas ’nam aite le truas dhiom. Tha mi’n cunnart mo bhathadh, ’S a bhi’n aite na truaighe. A Thi ’dh’fhuiling do cheusadh ’S ann riut fein tha mo ghearan; Ged-a tha mi làn eucail ’S tusa ’n leigh ’ni mo ghlanadh. Tha na leoghainn a’ beucaich As mo dheigh gu bhi’m charaibh, Biodh do ghairdean ’gam dhion bhuap’, ’S thoir dhomh sith ann am anam. Soillsich solus do ghrais Am chridhe graineil, làn fotuis, Dean mo tharruing ga d’ionnsaidh A thoirt umhlachd ri m’bheo dhuit. Geal mar shneachda dean m’fhagail, ’S thoir mi sàbhailt thar Iordain, Gu bhi seinn ’s a toirt cliù dhuit Ann an duthaich an t-sòlais. [TD 128] BARTIMÈUS AN DALL. BHO bhaile sunndach nan dluth chraobh boidheach Bha Iosa ’gluasad troimh ’n t-sluagh ’bha domhail. ’Nuair chual’ an dall co a bh’ann, le sòlas Gu h-ard ris dh’eubh e, “Thoir leirsinn dhomhsa.” Bha cuid de ’n t-sluagh ’bha le gruaim ag ràdh ris, A dhuine ghoraich, bi’ stòlda sàmhach; Ach cha do dh’eisd e; chaidh eubh ni b’airde, Us fhreagradh urnaigh le Prionns’ na slainte. Cha robh e’n teagamh, bha chreideamh laidir, Gu’m b’e ’m Messia an Ti ’bha lamh-ris; ’S gu’n robh e caoimhneil us aoibheil baigheil Gu toirt a leirsinn do chreutair graineil. Bhean Triath na slainte le gradh ri ’shuilean Us fhuair e ’leirsinn a reir a dhùrachd. Bu shona bha e, bu shlainteach, sunndach; Bha ’chridhe air Iosa, ’s e ’sior thoirt cliu dha. A dhuine dhoill thig gun fhoill a dh’ionnsaidh An Ti a cheusadh ’s cha teid do dhiultadh. Bheir E gach lann dhiot ’dh’fhag dall do shuilean; Us chi thu ’throcair us gloir a ghnuise. SEIDEAR AN TROMPAID. THIG an Ti sin a cheusadh Us a reubadh gun truas ris, Ann an gloir thar gach smaointinn ’S ainglean naomha mu’n cuairt dha. [TD 129] Theid an trompaid a sheideadh, ’S theid na sleibhtean air ghluasad, Teichidh ghrian as na speuran, ’S bidh gach creutair fo uamh-chrith. Cluinnear fuaim anns na h-uaighean; Bidh an sluagh asda ’bruchdadh; ’S chithear crith air an fhairge, ’Sa cuid mharbh a cur cùl rith’. Theid gach anam d’a choluinn Bidh e toilicht’ no diombach A thoirt cunntais a dhoighean Aig a mhòd a bhios dùmhail. Theid na daoine ’bha gluasad An lagh uasal na slainte ’Thoirt do thalla na gloire, ’S bidh an comhnaidh gu brach ann; Ach na daoine ’bha ’gluasad A reir truailleachd an nadair, Theid a thilgeadh do phriosan ’S cha tig crioch air an cràdh ann. Smaointich, m’anam, le curam Air a chuirt a bhios fuath’sach; Faic na h-aingidh an eigin ’S corruich Dhe tigh’nn a nuas orr’. Cuir do dhoigh ann an Criosda, ’S bheir e dion dhuit ’san uair sin; Cha bhi eagal no eis ort, ’S tu fo sgeith-san a’ gluasad. [TD 130] AN LATHA MOR. BIDH la ann a bhios fuath ’sach, Le’n gluaisear an saoghal, ’N uair thig an Ti a chreuchdadh ’Sa cheusadh le daoine. Bidh iadsan nach tug speis dha Ag eubhach ’s a caoineadh ’S cha chluinn iad ach Air falbh bhuam, ’S theid fhearg orra ’thaomadh. Gur soilleir an sin ’chi iad Gach ni anns na chlaon iad; Mar bha iad dona, diomhain ’S an inntinn gun naomhachd; Mar bha iad ri sior-dhimeas Air Iosa ’s air aoradh, ’Sa siubhal le an namhaid Gu aite na daorsa. Gach duine bidh an la sin An lathair na curtach, A thabhairt do’n Ti ’s airde A’n talantan cunntas.— Bidh Pilat us Caiphas ’S an cairdean fo ioghnadh, Na bhreitheamh orr’ tha’n Ti sin A dhit iad ’sa sgiurs iad. Gur sona dheth ’bhios iadsan ’Thug gradh do’n Fhear-Shaoraidh, ’Bha ’giarraidh a bhi beo dha, ’Sa comhrag na aobhar. [TD 131] Gu’n coinnich iad ’s na neoil E Le sòlas nach caochail.— Bidh aca dachaidh shiorruidh An rioghachd na saorsa. AN DA BHUIDHEANN. AN Ti ’bha suarach aig uaill nan Iudhach ’S a chaidh gun truas ris gu cruaidh a ’sgiursadh Tha tigh’nn a nuas a thoirt sluaigh gu cunntas; Bidh latha doirbh ann, ’s an stoirm a bruchdadh. An trompaid seidear ’san speur gu laidir, ’S na bhios ’s na h-uaighean nan suain gu samhach Grad-dhuisgear suas mar-a fhuair am bàs iad; Bidh cuid diu truagh us cuid buadhach, adhmhor. Theid bratach Shioin a thoirt an lathair ’S bidh clann na rioghachd fo dhion gu sàbhailt’, ’Toirt cliu le binn-cheol do’n Ti thug gradh dhaibh, ’S le fuil a chridh’ a fhuair sith us slaint’ dhaibh. Gach aon bidh eibhin, le’n eideadh alainn, Mar bhoillsgeadh greine ’san speur a’ dearrsadh, Le’n trusgan firinteachd ’sios gu’n sailtean, A Choisinn Criosda air sliabh Chalbhàri. Lean iad an Treun-fhear le eud ’san fhasach s’, A chuing bha aotrom ’sa ghaol ’gan tàladh. ’Nis gheibh iad oighreachd le ainglibh arda, ’S bidh iad gu siorruidh gun dith, gun fhailinn. [TD 132] Na daoine faoin ’bha ’toirt aoraidh trailleil Fo’n chulaidh dhathte ’s am faicte ’n crabhadh, Cha’n fhaigh do Shion:—ni Criosd an aicheadh; Cha d’lean iad riamh E ’s cha dean e’n tearnadh. Ni E an ruagadh le gruaim a lathair A dh’ionnsaidh gainntir an naimhdean laidir. An cogais bheo bidh ’gan leon gu craiteach Us fearg Iehobha ’ga h-ol gach la leo. Bidh luchd nam breugan ’s na h-eucoir comhl’ riu, Na daoine sanntach bha’n geall air storas, An dream bha uaibhreach, gun truas, gun trocair, ’S gach aon bha ’gluasad an truailleachd fheola. A Thi a cheannsaich ar naimhdean laidir; Seall ann an truas oirnn; is truagh mar tha sinn; O, cuir fo ghluasad le buaidh na cnamhan Tha’n gleann a bhuairidh gun luaidh air fhagail. A Thighearn Iosa nach till thu trath sinn! Thoir sinn dha d’fhion-lios gu bhi a’fàs ann. Ged chinn sinn fiadhaich air friamhan Adhaimh Cuir blàth as ùr oirnn, ’s leig driuchd do ghràis oirnn. LATHA BHREITHEANAIS. EISD a pheacaich ’tha gun churam, ’S gabh ri cumhnanta nan gràs; Seall an uine ’ruith gu siubhlach, ’S tu ’dol dian a dh’ionnsaidh bhais. [TD 133] Latha mor tha tarruing dluth dhuit; Chi thu ’chuis nach creid thu’n drast. Bheir an Tighearn thu gu cunntas ’N uair a dhuisgear mairbh gach ait. Latha ’n uamhais, latha truaighe, Latha cruadalach do phairt; Latha bronach, latha doruinn; Bidh luchd-dobheirt ann an càs. Latha sòlais do na h-oighean Aig an robh an lochrain làn; Dol an comhdhail an Fhir-phosda, Bha ac’ ola bheo nan gràs. ’S latha cinnteach e mu’n d’innseadh Leis an Ti sin nach dean breug. Bheir e crioch air obair dhaoine ’S air gach faoineis ’tha fo’n ghrein. Thig am Britheamh uile-ghlormhor Troimh na neoil le ainglibh treun’; ’S bidh an saoghal uile air ghluasad Leis an fhuaim ’bhios feadh nan speur. Seididh ’n t-aingeal ’s airde ’n trompaid; Criothnaichidh am fonn’s an cuan; Clisgidh ifrinn ’sa luchd-comhnaidh, Thainig la na doruinn chruaidh. Bruchdaidh ’suas na mairbh gu dùmhail As an uir us as a chuan; Cuid diu slainteil, sona, sunndach, ’S cuid diu tùrsach, dubhach, truagh. Mar a ghrian aig aird’ a morachd Bidh gnuis ghlormhor Triath na slaint’; [TD 134] Mar thoirm aibhnichean a’ dortadh Le beanntan mora ’dh’aon ait, No mar thairneanaich a’ reubadh Neoil nan speur bidh a ghuth ard; Mar lasair dhein bidh a shealladh, Us teichidh ’n talamh le sgàth. ’S Breitheamh naomh E nach dean eucoir, A tha leirsinneach ’s gach cuis, Nach meas pearsa seach a cheile ’S nach toir breith a reir an gnuis’. Cha teid fianaisean leis eubhach, Cha bhi feum orra na chùirt. Gniomharan gach aoin gu soilleir Chi E mu choinnimh a shùl. Cha bhi duine de shliochd Adhaimh Nach bi’n lathair aig a mhòd; Cha bhi neach a dh’fhaodas fanaschd ’S a chuan ghreannach no fo’n fhoid. Bidh an dream ann a bha aosmhor, ’S an dream a chaochail ’s iad og; An dream a bha saibhir uasal, ’S an dream a bha truagh gun doigh. Chi righ Hèrod ann an Triath sin ’Bha e ’g iarraidh ’chur gu dith Us chi Pìlat us Caiàphas, ’S an co-bhraithrean nan droch-ghniomh, An Ti glormhor sin a sgiurs iad ’S iad ’ga dhiultadh mar an Righ; Us chi thusa, pheacaich uaibhrich, Am Fear dha’m bheil fuath do chridh’ [TD 135] Bho chathair rioghail a cheartais Bheir Triath nam feartan a bhinn; Gheibh gach neach a reir a ghluasaid An laithean a chuairt ’s an tir s’. Air a dheas-laimh bidh na daoine Bha ’g iarraidh naomhachd le stri; Ach iadsan le’m b’fhuathach aintean Gheibh an aite air a laimh-chli. Their E ris an t-sluagh a lean E, “Thigibh ’s mealaibh tir na gloir; Nuair a bha mi ann am eigin Fhuair mi eideadh bhuaibh us lòn. ’Nuair a bha mi anns a phriosan Bha sibh cuimhneachail gu leoir Tigh’nn a shealltainn air mo chreuchdan ’Dh’fheuch an leighseadh sibh mo leoin. Na an cridhe chreid iad fhirinn ’Tha ni ’s priseile na ’n t-òr; Lean iad e le gradh us dichioll Ged bu tric iad sgith gu leoir. Thug iad umhlachd da chuid reachdan Chuir iad fhacal ann an suim; Bha iad graineach air a pheacadh, Bha iad cleachdte ris a chuing. Mar na reultan bidh an dearrsadh Ann an duthaich aird na gloir’; Ann an comunn ris na h-ainglibh, ’S iàd nan oighreachan le coir. Cha ’n fhaic iad tuilleadh na naimhdean ’Bhiodh le ainneart air an toir; [TD 136] Cha bhi mulad air an inntinn, ’S gleusaidh iad gu binn air ceol. Mar-ri ’n Triath bidh iad na luchairt, ’S theid an crunadh leis le buaidh; Suidhidh iad aig bord na bainnse Ann an aoibhneas a bhios buan. Fhuair iad lotan troma, craiteach, Anns an fhàsach so nan cuairt; Ach ’san tir ud cha bhi leon orr’, Thiormaich Dia an deoir a suas. Cha teid bacadh air an crabhadh; ’Chaoidh cha ’n fhàs a h-aon diu tinn; Cha bhi cealgair anns an aireamh; Cha bhi grainealachd an cridh’. Fhuair iad seachad air gach gabhadh; Cha ruig cràdh orra no sgios. Tha an sòlas aca ’s airde; Tha ac’ beatha us slainte us sith. ’S iad luchd-leanmhuinn an Fhir-Shaoraidh; ’S iad a chaoraich, ’s iad a naoimh; ’S iad a chairdean, ’s a luchd-eolais ’Bhiodh a ’comhradh ris gun fhoill. Thug E gradh dhaibh ’n uair a bha iad Salach graineil agus caillt’; ’S ’n uair a dh’fhuiling E a cheusadh, ’S ann a cheannach reite dhaibh. Their am Breitheamh ri ’luchd-fuatha; “Bithibh bhuam do thruaighe ’triall. Cha ’n ’eil aite dhuibh nam rioghachd; Cha do chreid sibh m’ fhirinn riamh. [TD 137] Na biodh suil agaibh ri trocair; Air bhur doruinn cha tig crioch. Claoidhear leis an dara bàs sibh Bho na shàsaich sibh bhur miann.” ’S cruaidh an dealachadh ri ’n cairdean, ’S iad ’gam fagail as an deigh. Cha do gheill iad do na h-àintean, ’S iad ri tair air fuil na reit’. Rinn iad cumhnanta ri Satan Anns an fhasach aig an fheill. Bha iad dileas anns gach càs dha; ’S iad a nis gu bràch a threud. Tha an Diabhol ’sa chuid ainglean ’Gan cur cruinn gu guineach dàn, Tha e ’gluasad leo air astar ’Dh’ionnsaidh cairtealan a chraidh. Theid an slochd a dhunadh tharta, ’S cha tig aon diu as gu bràch; Gainntir glaiste, smuid ’gan tacadh, Stoirm nan lasraichean ’gan cnamh. Tha an anam uile an eigin; Tha gach feith dhiu ann an cradh. Tha iad claoidhte, tha iad brònach; Threig gach dòchas iad gu bràch. ’S doruinneach dhaibh duais a pheacaidh, ’S iad aig ceartas ann an sàs. ’S bidh an cogais dhaibh ag innse Nach do thoill iad ni na b’fhearr. Tha ac’ slabhraidhnean bho Shatan Ann an aite crun na gloir’. [TD 138] Tha ac’ gul us giosgan fhiacal Ann an aite ’n aoibhneis mhoir. Tha nan laimh ac’ cupan feirge, ’S ged—a bhios e searbh nam beoil, ’S a sior-mheudachadh an iargain, Feumar ’bhi gu dian ’g a ol. Tha tiugh-dhorchadas mu’n cuairt daibh, Oidhche uamhasach gun chrich; ’S iad a’ snamh ’s an loch nach traghar, Ach gu brach cha ’n fhaigh iad tir. Aig a pheacadh tha lan-bhuaidh orr’; ’S am fear-buairidh tha ’gan claoidh. Cha bhi suil a ghabhas truas diu; Chrath an t-Uan iad bhuaith’ a chaoidh. Cuis an uamhais! Faic an saoghal ’S e na chaoiribh dearg mu’n cuairt. Tha gach gaoth na neart a seideadh ’S rànaich dheisneach air a chuan. Tha gach aitreamh a thog daoine, Gach preas agus craobh nan luath. Tha na lasraichean ag eiridh, ’S a leaghadh nan speur a nuas. ’S aobhar ioghnaidh e r’a smaointinn Mar tha daoine ’n diugh gun tùr ’Ruagadh solasan an t-saoghail ’S e cho caochlaideach na chùrs. Ged-a ni e cholunn uaibhreach ’Chumail suas car beagan uin’, Gur beag ’fheum do ’n anam ghraineil ’Nuair a thairnear e gu cuirt. [TD 139] Cuiream ceist riut, ’fhir tha leubhadh, No tha ’g eisdeachd ri mo dhàn.— Bheil aithn’ agad air an Leigh? An deach do sheulachachadh le gras? ’N e do mhiann a bhi ’cur urraim Air an Urras a thug gradh, S a cheannaich dhuit le fhuil luachmhoir Saors’ agus suaimhneas, us slaint’. No an neach thu a tha ’gluasad Leis a Bhuaireadair gach la ’Dh’ionnsaidh phriosain tha gun iochdar, S tu ri dìmeas air gach àithn’? Stad, ’s an Ti a chaidh a cheusadh A sior-eubhach riut an gràdh. Eirich, thig gun dail ga ionnsaidh, ’S gabh ri cumhnanta nan gràs. TIR IMMANUEL. ’S ANN ann an tir Immanuel ’Tha ’m fearann aa’s fearr brigh, Bidh sòlas aig an anam innt’ Nach dealaich ris a chaoidh. Cha bhi gaoid no galair innt’, Cha ghearain neach ’bhi tinn; Gach aon bidh sunndach sabhailte, ’S e ’mealtainn graidh an Righ. Tha grian an aidh a’ dearrsadh innt’ Le ’gaithibh blàtha buan; [TD 140] Bidh latha soilleir samhraidh innt’; Cha’n fhaicear geamhradh fuar. ’S e Triath na gloir’ a cheannaich i, ’S a bheannaich i da shluagh, Ged bha iad ann am miorun da Nan traillean diblidh, truagh. ’Si sin an duthaich adhmhor Anns an araichear na naoimh, Gun bhiadh, gun deoch, gun aodach, Us gun s-aothair a ni’n claoidh. Gach meas a’s fearr tha fàsinnte, ’S gu bheil gach àilleachd innt’; Is tir ’s a bheil gach beairteas i, Us Ceartas, gràdh, us sìth. Cha bhi innt’ bron no mulad, ’S ann a bhios gach duine ’seinn ’Toirt cliu us gloir us urram Do’n Ti dh’fhuiling air a bheinn:— An Ti a ghlan gu grasmhor iad Bho’n grainealachd gu leir, Us a rinn righrean arda dhiu Na luchairt adhmhoir fhein. Cha’n fhaicear namhaid guineach innt’, No uireasbhuidh no cradh; Cha’n fhaicear ni a’ crionadh innt’, No tuiteam sios gu lar; Cha’n fhaicear ni a thruailleas innt’, No deoir, no uaigh, no bàs.— ’S tha cuan nach traigh de shòlas innt’ ’S an dean na h-oighean snamh. [TD 141] Gur sona dheth na daoine Tha’n tir fhaoilidh, fhial na sith’; Cha’n ’eil innt’ ni cur bruaillein orr’, Tha’n truaighean uile aig crìch Tha’n Tighearn’ Ios’ le’ lathaireachd A sasuchadh am miann; Tha aca comunn adhmhor ris, ’Se ’dearrsadh mar a ghrian. Tha sgeadachadh ni’ ’s riomhaich’ orr’ Na th’air na righrean ’s aird’; Us trusgan glan na fireantachd ’Gan comhdach sios gu’n sail. Tha cruin nach searg gu siorruidh orr’; Thug Ios’ iad dhaibh na ghràs; ’S tha craobh na beatha cinntinn dhaibh, ’S gu’n gabh iad dion fo ’sgail. Tha muileannan do-aireamh Ann an duthaich aird nam buadh; ’S iad uile ’n comunn brathaireil, ’S neo-bhasmhorachd nan snuadh. Tha ainglean Dhe ag ìmeachd innt’, ’S gur dileas iad do’n Uan; ’S gu bheil na daoine ’s fearr innt’ ’Bha ’san fhasach so air chuairt. Tha Enoch’s Abràham innte, ’S righ Shaleim bu mhor cliu. Tha Maois innt’ agus Samuel Us Daibhidh am fear-ciuil. Tha Elia ’s Elìsha innt’, S am faidhe dileas Eóin; [TD 142] Us tha na h-abstoil dhiadhaidh innt’, ’S na fianaisean bha mor. Mo Shlanaighear, mo Shlanaighear, Seall orms’ ad ghràs a nuas. M’uil’ earbsa tha ’s an iobhairt Tha neo-chriochnach ann an luach. O glan mi bho gach grainealachd A tha ’gam fhagail truagh; ’S dean deas mi a thoirt coinnimh dhuit An tir an t-sonais bhuain. [TD 143] DR. MACGREGOR’S HYMNS. [TD 144] [Blank] [TD 145] MEMOIR. THE Rev. James M‘Gregor, D.D., was born at St. Fillans, at the lower end of Loch Earn in Perthshire, in December, 1759. He went through his literary course at the University of Edinburgh. He studied theology under the Rev. William Moncrieff at Alloa. He belonged to the Anti-Burgher branch of the Presbyterian Church in Scotland. He arrived in Pictou, Nova Scotia, 20th July, 1786. Dr. M‘Gregor was for many years the only minister in the eastern part of Nova Scotia. When he came here the people were very poor. He endured many trials and great hardships. His life, which was published in 1859 by his grandson, the Rev. George Patterson, D.D., is a very interesting work. His remains, including “A Defence of the Religious Imprecations and Denunciations of God’s Wrath, contained in the Book of Psalms, against the Enemies of the Gospel,” “An Essay on the Duration and Character of the Millennial Age of the Church,” “A [TD 146] Guide to Baptism,” &c., were published the same year. The first edition of his hymns appeared in 1819. I have in my possession the whole of Dr. M‘Gregor’s Gaelic manuscripts. They consist of the following works:—“Oran Gaoil air Anna Buchanan ’sa Bhliadhna,” 1785; “Leabhar Aidmheil a Chreidimh;” “Leabhar nan Salm;” “Dain a Chomhnadh Crabhaidh.” He translated 106 of the Psalms into Gaelic metre. In a letter written in 1819, he speaks as follows of his poems:—“I composed these poems in part travelling through the dreary wilderness of America, hoping they might do some good, but seeing little prospect of it. The three which I sent last, bid as fair in my opinion, to be useful in the way of instruction as any of them. The poems have not yet come this way, and I know not whether the mistakes be few or many. I mean to send you one poem more—viz., ‘On the Sin and Misery of Man by Nature’; also an additional verse to two or three of those already made. Gratitude requires that I should make a verse for the Tract Society.” The following poems, it is evident, are the last that Dr. M‘Gregor composed; to one of them, the poem, “On the Sin and Misery of Man by Nature,” he expressly refers in the above extract. They are excellent poems. Dr. M’Gregor’s hymns are most valuable for the purpose of conveying a correct knowledge of the doctrines of the Bible. They are indeed a [TD 147] system of theology. They deserve to be widely circulated, and carefully studied. I have seen Dr. M‘Gregor spoken of as an imitator of Duncan Ban M‘Intyre. He imitates no poet either in English or Gaelic. It is true that in two or three of his poems he quotes a few lines from Duncan Ban; but it would be absurd to suppose that the poems of Duncan Ban or of any other Highland bard could be of any use whatever to him in composing his “Aonadh ri Criosd,” or his “Saorsa bho’n Lagh.” Dr. M‘Gregor has been blamed by some persons for the airs to which he composed his hymns. He composed them to the airs which he knew, and which the Highlanders, scattered up and down through the woods of this country, could sing. He sang “Of God’s Love” to the air of “Coire-Cheathaich,” and what air more suitable for his purpose, that of conveying religious instruction, could he have selected? Dr. M‘Gregor was a thorough Highlander, and a good poet. He was an able theologian, and a most devoted Christian. He was the means in the hands of God of doing a vast amount of good in his day, and though dead, he yet speaketh. He may well be styled the apostle of Pictou. A. M‘LEAN SINCLAIR. EAST RIVER, PICTOU, NOVA SCOTIA, 19th December, 1876. [TD 148] NA DEICH AINTEAN. 1. Na bitheadh agad Dia ach mi. 2. Na lub do dh’iomaigh glun no cridh’. 3. Na luaidh-sa ainm do Dhe gu faoin; 4. ’Us la na Sabaid coimhead naomh. 5. Do d’athair ’us do d’mha’ ir thoir geill. 6. O fheirg ’s o mhorta cum thu fein 7. O adhaltras bi glan gun lochd. 8. Na gaoid aon ni ged robh thu bochd. 9. O cheilg ’s o bhreugaibh cum do bheul 10. Na sanntaich ni nach buin duit fein. STAID NADAIR CHLOINN DAOINE. THA nadar peacach truagh chloinn daoin’ Na aobhar eagail mor; Oir tha e ’n aghaidh nadair Dhia ’S cha-n fhiach leis gras no gloir. Cha-n fhiach leis ni ’sam bith ta math, Cha-n fhaic e cron ’san olc; Ach leanaidh e gach cleachdadh baoth Mar ni ta saor o lochd. A chluasan fosgailt ’ta gun sgios Do ’n ti a mheall gach linn, Ceart mar gu-n labhradh e guth Dhe ’S cha-n eisd e ’n soisgeul binn, Ta bhun gu h-iomlan as a bhreig Cha-n eisd e ’n fhirinn ghlan; ’S an t-salchar ta a thlachd gu leir Is breun leis ni gun smal. [TD 149] Cha ghabh a edir facal Dia Mar riaghailt cleachdaidh dha; Na aghaidh cogaidh e gu dian Ga fhiaradh anns gach càs Ta sonas fior na dhonas leis ’S e greasad uaith gun tamh, Ceart mar gu-m b’ifrinn flaitheas De ’S gu-m b’eucail nimhe ’shlaint’. Ta cabhag air a dh’ionnsaidh ’n t-sluichd Is cluich leis naitheas* trom; Mar gu-m bu toil leis teine dian ’Bhi beo gach ial na chom. Cha ghabh e Dia mar oighreachd bhuan No Mhac ro-uasal ard; Cha ghabh e nithe spioraid Dhe, Cha leir dha maise annt’. Tha Dia na firinn ’us na treis Mar dheamhan leis ro-ghrand’, ’S e ’toirt do ’n Diabhol Dia an t-sao’il Gach aoradh ’us gach gradh. Bu mhiann leis Iosa Criosd mac Dhe ’Bhi ceusd fo mhi-chliu buan; Am bas ’bhi ’n uachdar air gach re, Gun eiridh tuille uaith. Bu mhiann leis spiorad Naomha Dhe Us feartan treun a ghrais A bhi mar nithibh suarach, faoin, Aig cloinn nan daoin’ fo thair. Bu mhiann leis oibre truaillidh breoit Na feol’ a thogail suas * Naitheas, injury, mischief. [TD 150] Gu urram ard us pailteas meas Am measg nan uile shluagh. ’S e ’bheachd gu-m faicear leis gach ni Ged tha e rireadh dall; Cha leir dha chiont ’s e mor mar dhun, ’S e dhuil nach ’eil e ann. Tha shlighean ceart na shuilibh fein Gun ghiamh, gun eucoir chlaon; Tha chridhe marbh do ghealladh Dhe, ’S dà bhagradh geur maraon. Tha ’fhireantachd na shealladh fein Ro-mhaiseach, cheutach, choir, Ged tha i broineagach us breun An sealladh Dhe na gloir’, ’S e dhuil gu-n seas e innte saor, Gun chiont gun bhaoghal da, Ged chaidh sliochd Adhaimh anns gach linn A chur fo bhinn a bhais. Cha d’fhairich e ’s a pheacadh riamh Cuis iargain a bhiodh geur; Cha-n ’eil e searbh ach milis leis, Tha ’leisgeul tric ’na bheul. Cha-n ’eil a thlachd an oibribh naomh; ’S neo-chaomh leis pobull Dhe; Tha riarach mhiannan truagh na feol’ Mar shogh leis us mar ghleus. ’S an t-slighe leathain tha a cheum, Cha treig e i le deoin; Tha cuideachd lionmhor maille ris ’Toirt misnich da na dhoigh. [TD 151] Tha ’n t-slighe eile aimhle’an teann ’S iad gann a ghabhas i, Cha toir iad fein no ’n t-slighe ’th’ ac’ A bheag de thlachd d’a chridh. Ged dhean e aidmheil creidimh mhoir Tha gò na thaobh a steach, Tha chridhe naimhdeil’ nuair a ’s fearr A choslas graidh do ’n reachd. Ged chiteadh tric e lubadh ghluin Ri urnaigh fhada reidh, Ta chridhe fad air falbh o Dhia Gun mhiann a bhi d’a reir. ’S e bheachd gu bheil e ’g eiridh suas Gu luath gu sonas fior, Do reir ’s mar dhluthaicheas e ris An sgrios ta roimhe shios. Cha chreid e neach a dh’innseas da An gàbhadh ’s a bheil E, Ach creididh e gu luath a bhreug O ’n bheul ni miodal seamh. An comhairleach ro-dhileas, choir A sheolas e gu ’leas Cha ghabh e ris mar charaid da Ach mar a namhaid deas. Ach saoilidh e gur caraid fior Gach diabhol dona dubh Bheir comhairlean an aimhleis da ’G a chur an dail an t-sluichd. Ma thig an Spiorad naomh na choir ’Thoirt eolais fallain da [TD 152] Mu ’n lagh, m’ a pheacadh, us m’a thruaigh Mu bhuaidhibh chriosd ’s a shlaint’; Och! gabhaidh e gach innleachd thruagh Gu fhogradh uaith an cein Mar namhaid borb a thoill a chlaoidh, Gun suim d’a ghne n’a dhreuchd. Am beagan so a pheacaich sgriost’ Thuirt mis’ mu d’staid le gradh, An earbs gu-m beannaich Dia mo rann Gu d’thionndadh ris tre ghras. Mur beannaich E bidh tusa caillt ’S mo chainnt-sa dhuit gun fheum, Bidh mis’ am amadan ad bheachd, ’Us tusa creachdt’ le d’cheill. Ma bheannaich’s e, chi thu gun chaird* Gur earlas beag nach fiach A th’ann mo chainnt, ’s nach d’innis mi Mu d’staid ro-chli an trian. Oir chi thu facal De gu leir Toirt sgeil air olc chloinn daoin O Mhaois an tus gu Eoin fadheoidh Gun doigh air leth aig aon. Seadh, deiream, chi thu facal De Toirt sgeil air olc chloinn daoin, Gach ginealach a bh’ann o thus, Gach duthaich fad an t-sao’il; Gach fear us bean, gach sean ’us og, Gach beag us mor de ’n t-sluagh; Na creidmhich fein mu’n d’fhuair iad gras A thug dhaibh nadar nuadh. * Gun chaird, without delay. [TD 153] Gun tuigs air Dia gun toil d’a thoil Ach dol gu h-olc nan deann Mar amadain ga aicheadh ghna Ag radh, Cha-n ’eil E ann. A teicheadh uaithe, ’dh’ionnsaidh ’n t-sao’il Le gaol an cridh gun chaird, A’ meas gach sonas ’bhi fo’n ghrein Us criosd gun fheum gun sta. Chi thu na linnte bh’ann roimh ’n tuil Mar chlaon iad uil’ air falbh, Us mar a thruailleadh gach uil’ fheoil Le foirneart ’s eucoir gharbh; Mar ’bha gach smuaìneach ’us gach run Bha sruthadh dluth o’n cridh’ Gu h-iomlan olc us olc amhain, Us olc do ghna, gun chrich. ’S air ball an deigh na tuile chi Thu’n cridh ’bhi dona truagh, An smuaintean us an ruintean fos Bhi olc o’n oige suas. Is tric a leughas tu droch sgeul Air beusaibh Israil Dhia A thagh E o na sloigh gu leir, Mar shluagh dha fein gu fial. Bu tric a rinn iad monmhor geur Aig teachd o’n Eipht a mach, ’S ged ’chum E beoshlaint riu gach la, Do ghna bha gearan ac’ ’Nam fearann rinn iad tric ’s a rìs An ni bha olc na shuil, [TD 154] ’Ga threigsuin ged b’E ghleidh iad riamh, ’S a’ gabhail Dhiathan ur’. Thoir feairt air Daibhidh anns na Sailm ’S air Solamh ainmeil, glic, Us cluinnidh tu an gearan bochd Mu lochd chloinn daoin’ gu tric Tha’n gearan ceudna aig gach faidh Mu nadar olc an t-sluaigh, An cridhe cealgach thar gach ni, ’S am fireantachd gun bhuaidh. Ruig ’nis na soisgeala gu leir Us leubh gur fior mo rann. B’e Criosd a rireamh ’n Dia ro-ard, ’S an duine b’fhearr a bh’ann. Bha ’ghradh gun ghiomh do Dhia ’s do dhaoin’ Bha ’ghluasad naomh us glic, Bha chridh’ ro-iriosal ’s ro-shuairc, A mhein lan truais us iochd. Bha beatha ’n Dia-dhuin’ ud gach ial Mar bheatha Dhia nan gras, ’N ar sealladh chum ’s gu-n nochdadh E Dhuinn doigh nan neamh ’s na slaint’, Ach thoinndaidh iadsan ris an cul, Us dhiult iad E gu tur. Bha i’d naimhdeal ris airson a ghraidh Ga sharachadh gun sgur. Do bhuin iad ris gun iochd gun truas Us ruaig iad E gu teann; [TD 155] Do dhit iad E le casaid bhreig Us cheus iad E ri crann. ’S ged chuir E teachdairean na sith’ A rìs, air eiridh dha, Le reit’ thuca nan tairgse mhìn, Do dhiult iad i le tair. Na smuainich thus’, Cha deanainn fein An eucoir ud a chaoidh. Gu dearbh cha bheanainn ri Mac Dhe Gu cheusadh no gu chlaoidh. Mo chreach! bi sin am barail fein, Cha cheusadh iad Mac Dhia, Ach cheus iad E. Cheus thus’ E fos Le seachran mor do mhiann. Mar fhreagras gnuis do ghnuis a ghna An sgathan uisge ciuin, Co-fhreagraidh cridhe neach do neach Measg pheacach dall gun iul. Gun teagamh cheus thu Criosd ’n uair dhit Thu firinn ghlan a bheil, A lagh ’s a shoisgeul maiseach mìn A dhiobradh leat le cheil. Leubh gniomhara nan abstol fos Us litrean Phoil us chaich, Us nithear soilleir dhuit gu beachd Staid pheacach thruagh gach àil; Gu bheil gach duine dhiu gu fior Gun Dhia, gun Chriosd, gun earbs’; An comhnaidh ’dol an aghaidh ’n reachd, Us anns a pheacadh marbh. [TD 156] Gur Dia ’s gur flaitheas daibh an sao’l, ’S na nithe faoin a th’ann; Cliu, urram, beairteas agus sogh, D’an ruith am feoil le sannt. Ta ’n inntinn fheolmhor ac’ na bas, ’S i namhaid Dhe gach am; D’a lagh cha-n ’eil i umhail bìdh, ’S cha-n urrainn i bhi ann. Tre cheud chiont Adhaimh thainig steach, Do’n t-saoghal peacadh ’s bas; Mar righribh taid o ’n am sin riamh A’ riaghladh anns gach ait; Sliochd Adhaimh uil’ aca fo chis ’Gan ditheachadh gu dluth, Gun deoin nan cridh’ no treoir nan laimh An t-aimhleas ’chumail diu. Mar uaigh anabaich fhosgailt ta An sgornan graineil ac’; Do labhair iad le’n teangaibh cealg, Us mallachd searbh le tlachd. Ta nimh na nathrach nimh nam beul, Nan slighibh leirsgrios trom; A dhortadh fal’ tha’n casan luath, Us fuath na sith’ nan com. An ioghnadh leat an lagh ro-naomh Bhi diteadh dhaoin ’chum sgrios, ’N uair tha an cleachdannan gu leir A diteadh Dhe gun fhios. An ioghnadh leat na cinnich thruagh Bhi ghna am bruaillean garbh, [TD 157] O’n chuir iad cul ri Dia na sith Air sgàth nan iodhal balbh. An ioghnadh leat a chriosdachd fein Bhi thar a cheil gu dian, ’S gur fuigheall beag dhiubh ’ghabh ri Criosd A chiosnachadh am miann. An ioghnadh leat gu bheil thu fein An eigin tric ’s an draip, ’N uair tha do chridhe sleamhuinn fiar ’S do chiall a’ gleachd ri d’mhaith. Ach O b’e ’n t-ioghantas gu brath Gu-n cluinnt air gras o Dhia ’Bheir sonas buan an nasgaidh seach Do dhaoi air seachran fiar. Gu-n cluinnt air maitheanas na’s paillt’ Na airc a chiontaich mhoir, Air sith ’s air fireanachadh slàn Bheir dha air flaitheas coir. Air nadar nomha grinn ro-naomh Do bhaoth ro-shalach bhreun, Air oighreachd bheartach ghlan gun chrich Do dhiobarach na deirc. Air Dia mar chuibhrionn us mar chuid Do thraill fo bhruid gu teann; ’S air Iosa Criosd a rinn an t-sith Bhi dha na Righ ’s na Cheann. Sud uil’ aige tre chreideamh Chriosd Mar thiodhlac saor o Dhia, A dh’oibricheas an Spiorad naomh Gu caomh ’s a chridh bha fiat. [TD 158] Ma seadh, dean greim air Criosd gu teann, ’S e nise d’am ’s do thrath, Mu’m fas do chridhe bochd na’s fuair’ ’S na’s cruaidh’ le tuilleadh dail. CUIREADH AN T-SOISGEIL. THIGIBH AM IONNSAIDH-SA, SIBHSE UILE, ETC. THA daoine taghte ann le Dia D’an tug E riamh a ghradh Ged tha iad ciontach caillte truagh, ’S co truaillidh olc ri cach. ’S ann air an son-san thug E Criosd Mar iobairt-reitich suas; ’S an daibh-san bheir E Criosd ’s an t-seilbh, Le’n eirmis iad air buaidh. ’S ann daibh a bheir E spiorad Chriosd Us creideamh fior-ghlan naomh; ’S ann daibh a bheir E beatha bhuan Na lathair shuas gu saor. Sud bheir E dhaibh gun leth-bhreth claon Air neach de chaochladh seors; Tha ’n tairgse cheudna ac’ gu leir ’S an cuireadh ceudna fos. Ann fear ’ni bainis agus cuirm Le suilbhireachd nach beag Do dhòrlach choimhearsnach mu’n cuairt ’Ta gradhach uasal leis; [TD 159] Ged bhiodh nam measg-san cuibhrionn sluaigh D’an tug e fuath le coir, Bidh cuireadh aca-san measg chaich; Cha-n aill leis iad ’bhi còrr. Cha chan e riu, Is sibhs’ luchd m’ fhuath, Na gluaisibh chum na feisd, Ach, Thigibh, oir tha air a bhord Na dh’fhoghnas duibh gu leir. Us ged nach bi E riu an dùil, Bidh aige cliu ’n fhir-fheil; ’S ’n uair ’chuireas iad r’a chuireadh cul, Bidh ’n diultadh orra fein. Tha tagha Dhe na uaigneas mor Nach eol do dhuil fo ’n ghrein, Cha riaghailt dleasnais e do neach, Ach reachd us soisgeul De. Tha cuireadh Chriosd na fhacal fein ’So bheul a theachdair caomh, ’N uair ghabhar e na aobhar earbs’ D’ar n-anmaibh falamh faoin; Co daingean us co dearbht’ le cheil ’S ged leughamaid ’san uair, Ar n-ainmeanna gu leir fa leth An leabhar beath’ an Uain. Theid neamh us talamh thart gun cheisd Ach seasaidh facal Chriosd; A pheacaich eisd r’a chuireadh reidh ’S gabh e le creideamh fior. O thigibh thugam-sa gach aon Ta sao’ ireachadh ’s fo chlaoidh, [TD 160] A ta f’o eallaich thruim ’s fo chuail, Us bheir mi suaimhneas duibh. Mo chuing-sa ceanglaibh ruibh gu teann Us ionnsaichibh mo dhoigh; Oir ta mi macant’ agus mìn An cridh’ ’san cleachdadh fos. Us eirmisidh bhur n-anma truagh Air suaimhneas ’us air sgeimh, Oir ta mo chuing-sa socrach caomh, ’Us m’eallach aotrom seamh’, Nach tus’ a dhuine, ’ta ri sao’ir ’S an t-saoghal mhealltach olc, A fhuair ’s a dh’fhag righ Solamh glic Na bhriste cridhe goirt? Nach ’eil thu ’giulan air do dhruim, Na h-eallaich thruim gach la, Trom-chiont a pheacaidhghin us ghniomh Gad chromadh sios gu bas. An lochd cha d’fhuair ’s cha-n fhaigh thu fois, Na chois tha truaighe ’m feasd; Cha ’dfhuair ’s cha-n fhaigh thu fois ’san t-sao’l, Oir ’s faoineis e gun cheisd. Nach tu ma seadh fhuair cuireadh Chriosd Chum suaimhneis fhior us fois? Is tu; ’s air chinnt’ mur gabh thu e Cha-’n fhaigh thu reit’ no clos Na tagh am peacadh us an sao’l Mar chuspair gaoil roimh Chriosd. Na tagh dhuit ifrinn us a bron Roimh ghloir air neamh gu sior. [TD 161] Eisd cuireadh eile leis an Triath, ’Sibhs’ uil’ tha tràisgt le tart, O thigibh chum nan uisge beo, Us olaibh dhiubh gu pailt. Us thus’ tha falamh bochd gun seilbh Gun airgiod us gun or Thig chum na feill ta nasgaidh dhuit, ’Us ceannaich ’s ith do leoir. Seadh thig us ceannaich chum do thairbh’ Gun airgiod us gun luach, Am feill an t-soisgeil bainn’ us fion Na ni do dhiol gu buan. Ciod uim’ a chaithear airgiod leat, Air ni gun bheatha ann? ’S a chaithear saothair leat air ni Gun bhrigh do d’anam fann? Eisd rium-sa ’s ith an ni ta math Us gabh toil-inntinn mhor Do d’anam ann an cuirm ro-bhlasd, ’S am pailteas de gach sogh. Do m’ionnsaidh thig us aom do chluas Ri fuaim mo bhriathraibh tla; Gabh riu le creideamh glan, gun sgleo, ’S bidh d’anam beo gu brath’. Sud cuireadh Chriosd a pheacaich dhuits’, Is tus’ tha tartmhor tràisgt Ag iarraidh sonais anns gach ni, ’S gidheadh ’ga dhiobradh ghna A’ meas nach ’eil e ann an Dià, ’S ga iarraidh feadh an t-sao’il; [TD 162] A cur do thalannan ’s do thuir A thional smuir us phlaosg. Ma seadh, gabh Criosd ’s gach ni na chois An soisgeul Dhe nan gras; Us gheibh thu saibhreas ann a ghaol Nach toir an sao’l do chach. ’S co farsuing cuireadh soisgeil De Ri fad us leud an t-sao’il; Rium seallaibh ’s tearnar sibh gu leir, A chriochan cein gach aon’. ’S co fialaidh cuireadh Dhe nan gras ’S nach dean E tair air neach; “Rium eisdibh-s’ ’g am bheil cridhe rag Ta fad o fhireantachd; Am fagus m’fhireantachd bheir mi, Cha bhi i fada bhuaibh; ’Us maill’ air bith cha dean mo shlaint’ Ach thig i la’ir ’san uair.” Tha chuireadh deireannach ro-chaomh, “Gach aon neach leis an aill, ’S e bheatha chum an uisge bheo Chum oladh dheth gun chaird.” Ta iomadh cuireadh lan de ghras An leabhar aluinn De, ’Thoirt aobhar misnich do gach neach, Chum teachd d’a ionnsaidh fein. Na fan ma seadh an cadal trom, Air fonn an sgrios car ial;* Ach duisg gu h-ealamh, tuig do chor, Us can mar so ri Dia.— * Car ial, for a moment. [TD 163] Do d’ionnsaidh thigeam fein gu dluth, Is tu mo Dhia ’s mo shlaint; An t-iochd a dh’fheumas m’anam bochd Is tu bheir dhomh gun chaird. Nad la’ir ge ciontach lomnochd mi, Tha d’fhireantachd dhomh dluth; Deadh eideadh maiseach! gabham i, ’S cha bhi mi tuille ruisgt’. ’S i chomhdaicheas mo chionta fein O d’uile-leirsinneachd; Mi-mhais’ cha-n fhaic thu orm na’s mo, Ach sgiamhachd mhor us dreach. Ged tha mi ’m thruaghan aineolach Us amaideach gun chiall, Do d’ionnsaidh thigeam, ’s gheibh mi iul Us teagasg ur gach ial. Ged tha mi salach truaillidh grand Am nadar us am chleachd, Do d’ionnsaidh thigeam, ionnail mi, ’S an fhuil a’s priseil feart; ’S an tobar phailt a dh’fhosgladh leat Do pheacaich mar tha mis, A ghlanadh neoghlaineas an anm’ Ta tric a’ leanmhuinn ris. Ged tha mi rag us ceannairceach Us aindeonach o m’oig, Do d’ionnsaidh thigeann ’chum ’s gu’m pill Thu m’inntinn riut ’s mo dheoin. A thoirt mo thoil ’s mo ghean gun sgios Do d’ghealladh fior gun bhreig, [TD 164] Do d’lagh ro-uasal ’us ro-choir, ’S do d’ordaighean gu leir. Ged tha mi anmhunn lag gun treoir ’Chur cath ri m’fheoil ’s ri m’mhiann, Do d’ionnsaidh thigeam, s gheibh mi treis A ni mo leas gu dian. O’n tha mi falamh bochd us lom Cha toir mi leam a bheag, Ach thig mi falamh reir do ghairm, ’S biom tairgs’ ’bhi ’n taic do sheirc, Mo Dhia dean coimhead orm uam fein An namhaid encorach A ta le m’chiont gam chur a dhith ’S le m’fhireantachd m’an seach. Thoir uam gach earbs’ a m’ghluasad naomh, Oir ’s faoin ’bhi taiceadh ris; Thoir uam anearbs’ a saorsa Chriosd ’Us E ga m’dhion o sgrios. Sud abair; ’s ann an spionnadh Dhe Grad-dhean d’a reir le d’chridh’; Us gheibh thu sochairean an seilbh Thar deilbh do thuigs’ am brigh; Gach sochair bha aig creidmheach riamh No dh’iarras e am feasd, An Triath ga d’ghleidheadh chum na crich, ’S gach ni bhi chum do leas.— Cum cuimhn’ air cuireadh Chriosd gach la ’S a thairgse ghrasmhoir chaoin; Is barrant creidimh iad a ghnath Dhuit fein ’s do chach maraon. [TD 165] TAIRGSE SHAOR AN T-SOISGEIL. “TA M’ATHAIR-SA ’TOIRT-DHUIBH AN ARAIN FHIOR O NEAMH.” THA ’n soisgeul caomh a’ cur an ceill, Ged threig sinn Dia nan dùl A’ tilgeadh fhacail naoimh le tàir Us aintean air ar cùl; Ged chaidh sinn uaith’ air seachran cian Le miannaibh peacach grand Na h-inntinn fheolmhoir, ’bhios gun sgur ’Cur uilc an gniomh le cail; ’Na chaoimhneas gradhach gu bheil E’ Gu seamh ’g ar taladh rìs ’Chum reite agus sonas sior Tre Iosa ’rinn an t-sith; Le ’umhlachd bheannaicht’ ’us le ’bhas An ait’ nan ciontach truagh Do ’n tug E ’ghradh le gean ’s le sgoinn Ged thoill iad corruich bhuan. B’i sud an naigheachd shuilbhir chaoin ’Dh’fhag aobhach toilicht’ mi; Cha b’ionnan ’s gealladh breig an t-saoil, Mar fhaileas faoin gun bhrigh. A dhuine pheacaich, chaillte, duisg, Thoir suil air maitheas De, Cia grinn a dhoigh, gu d’thoirt gun dail Le tabhachd thuige fein! Co saor ’s co fial ’sa thug thu riamh Do bhiadh air bord do d’bhra’ ir, [TD 166] Air bord an t-soisgeil ceart co fial Thug Dia dhuit Mac a ghraidh. ’S ann uime fein thuirt Criosd, na chainnt Ri sluagh a b’aingidh gne “Ta m’Athair tabhairt dhuibh gu’r diol An arain fhior o neamh. Gabh e ’s bidh sonas ort gu brath, Gabh e gun dail le tlachd, ’S mor d’fheum air maitheanas ’s an uair, Air fuasgladh ’s air cùltaic’. Le ’dhiultadh, d’anam fein na reic, Cha teic na rinn thu ’dh’olc, Grad-ghreas le creideamh ’dh’ionnsaidh Chriosd. Mu’n tuit thu sios do ’n t-slochd. Grad fhaic do chor fo mhallachd Dhia, Do ’n diabh’l a tabhairt geill, Do ’n t-saoghal, us do d’fheoil ’nad thraill, ’N ad ablach graineil, breun. Gabh beachd air iochd ’s air saibhreas De, ’S fad, os* gach sgeul an suim; Oir thionnsgainn E roimh thùs an t-sao’il Sar-innleachd saorsa dhuinn. ’S e ’ghaol a fhuair dhuinn Urras mor, A Mhac ro-ghlormhor, ard A chuir E nuas ’n ar nadar fein ’Chum ’bhi d’ar reir mar bhra’ ir; Ach saor o lochd, oir chuir se E Thoirt gne a pheacaidh uainn, ’Us thug E mar ar n-iobairt E ’Chum reite dheanamh suas; * Os, os ceann, above, over. [TD 167] Deadh reite sheasmhach agus bhuan Ri Dia le luach a bhais; ’S is tlachd leis tiolacan ro-mhor A dheonach air a sgath. Tha aoibhneas sonraicht’ aig a ghna Na ghras a nochdadh pailt, Do ’n amhlair ghrand tha dluth do sgrios, ’S e ’sealltuinn ris na airc. ’Us uime sin tha ’thairgse mor Thar d’eolais ’us do bhreith, Cha-’n fhurasd’ duitse ’chreidsinn uaith Gu-m faigh thu ’nuas a leith; Oir saoilidh tu le barail mheallt A chridh’ ’bhi gann ’us bochd, Ceart mar a bhios do chridhe fein Ri neach ’rinn eucoir ort. Ach ’s e a thiolac dhuitsa Criosd, ’S e thiolac beatha bhuan; ’S e thiolac maitheanas gun sgios, ’Us fireantachd an Uain; ’S e thiolac Spiorad naomh nan gras Gu d’bhreith ’s gu d’arach rìs; ’S e thiolac aithreachas nach crion ’Us creideamh fior le sith. ’S e thiolac tuigse fhallain chaoin, ’Us gaol a cridhe nuadh; ’S e thiolac dhuit gach uile ni ’Tha dhith ort air do chuairt. Sud uile thug an t-athair naomh Do chloinn nan daoin’ gun eis [TD 168] An tairgse ’n t-soisgeil ceart co saor Ri solus caoin na grein’. Us thug E dhuitsa iad measg chaich, Cha-n fhearr thu bheag na iads’ ’S cha mhaillid a gheibh thus’ do leoir Na gheibhear leo-s’ da mheud. Na bi mar mhuilead no mar each Air bheagan beachd us ceill, No mar a chuid a’s mo de’n t-sluagh ’Toirt fuath’ do ’n sonas fein. Na h-eisd ri leithsgeul ’chual thu riamh ’Chur tairgse Dhia air cul; Gabh i le durachd d’anm’ gu leir Ged tha thu fein ad thruth. Na can, Tha’n tairgs’ ud tuill’ us mor Do dheor gun toirt mar mis’. Cha-n ’eil i tuille ’s mor le Dia Tha fialaidh thar do mheas. Na h-abair-sa le ardan ceilg Cha-n fhiu mi tairgs’ co fial; Oir com’ nach tugadh gras duit roinn Nas fearr na thoi’ll thu riamh; Na h-abair tha mifein gun neart ’Chur creidimh ceart an gniomh, Cha chreideamh leats’ ni thusa ceart Ach neart us creideamh Chriosd. Na h-abair tha mo chiont co garbh ’S mo shalchar fos co mor, ’S gur dan domh suil a thogail suas R i truas o Dhia na gloir. [TD 169] Ni h-eadh; ach ’s danadas gun chiall Dhuit tairgse Dhia ’chur uait A’ meas gur mo do chionta fein Na eifeachd fala ’n Uain. Oir mar tha morachd Dhe os ceann Gach tuigse ’th’ann ’s an t-saogh’l, Tha feartan iobairt Chriosd ’toirt barr Air lanachd ciont’ chloinn daoin’ Us ged bu leats’ e uil’ us corr, Bu leoir dhuit iobairt Chriosd ’Chum maitheanas us naomhachd fòs Us gloir air neamh gu sior. Ach O na h-abair-sa gu brath Am maireach creididh mi; An diugh tha gnothach ’measg mo lamh Nach tàr mi leigeil diom. Ta creideamh beo na’s asadh dhuit An diugh na bhios e ’n nochd, Bidh fuath do ’n chreideamh ’fàs le dail Gach uair us la ’thig ort. Is caillteach dail: cha bhachdar leat An cridhe reasgach, cruaidh, O fhas na’s cruaidhe us na’s meas ’S o d’dhruideadh ris an truaigh. Is mealltach dail, cha bhachdar leat O ghoideadh steach do d’chridh’ Am barrachd mor de cheilg an t-sao’il A dh’fhagaìl d’aois gun sith. Is millteach dail; cha bhachdar leat An teachdair’ searbh am bas [TD 170] O bheìrsinn air an sgornan ort ’S do thoirt air falbh gun dail, ’S e ’nis, ’s e ’nis an t-am a’s fearr, ’S e ’nise la na slaint’. Gabh ’nis ri tairgse Dhe gu h-ait, ’Us d’anam taic r’a ghras. Cum beachd co saor ’s a ta an tairgs’, Gun aìrgiod ’us gun or Gun chumha, ’us gun chumhnant ort Gu ’cosnadh, beag no mor. Na tairg-sa d’fhireantachd ro-bhreun An eiric tairgse Dhia, Ceart mar gu-m bitheadh Esan bochd ’S thu fein neo-lochdach riamh. Na tairg dha creideamh diolan, baoth, Us bliònach gaoil mar-ris. Na tairg dha aìthreachas neo-bheo, ’S an dòchas fàs ’thig leis. Na tairg dha irioslachd na ceilg’ ’Ta ’m feirg ri slighe Dhia, Na tairg dha ni a dh’fhairich thu, No sùgh a rinn thu riamh. Na gheibh thu uaith ’s e ni dhuit feum, ’S cha-n e na bheir thu dha, Cha tig o d’chridhe neoghlan fein Ach salchar breun gun stàth. ’S e run an Tigheurn gras ro-phailt A thaisbeanadh gun chrioch, Na togair thusa ’dheanamh beag L e d’theagradh* dona crion. * Teagradh, providing. [TD 171] Tha thusa falamh ’s Esan lan, Gabh thus an tra s’ do leoir, ’S air triceid d’uireasbhaidh cum beachd, ’Chum teachd co tric ’na choir. Cha dean thu dleasdanas am feasd Ach leis na gheibh thu uaith’; ’S ach leis na bheir thu as a làn Gu brath cha toir thu buaidh. Ach gabh ri tairgse Dhe gach la, ’S r’a ghealladh graidh gun sgur; Rà mhile gealladh agus tairgs’ ’Thug E na airgheas* duit. Le h-eolas, tuigs’ ’us eud gabh riu ’S le urnaigh luthor, theann; Oir, ’s iad a ni do chridhe gleusd ’S do làmhan treun gach am. A dheanamh seirbheis De gun sgios, Us aobhar Chriosd ’chur suas; A chogadh ris na naimhdibh treun, Gun gheilleadh dhaibh car uair. O, ’s iad bheir solas duit fadheoidh Aig Iordan dubh a bhais ’N uair ’thiormaichear an abhainn duit, ’S a leanas tus’ an àirc. AONADH RI CRIOSD. “SIBHSE ANNAMSA AGUS MISE ANNAIBHSE.” CIA maiseach obair saoraidh Dhia, Cia ciatach i ’s gach ceum! * Airgheas, or oircheas, pity. [TD 172] Cia mor an gaol ’s cia mairthean, buan, ’Thug Dia d’a sluagh gu leir! D’a ghradh dhaibh cha robh toiseach riamh, ’S cha tig air crioch am feasd. Ta iomadh comhar air ro-ard, Ro aluinn ’us ro-dheas. ’Se ghradh ro shaor a thagh dhaibh Criosd ’S an t-siorraidheachd gun tus, Mar Shlanaighear ’s mar urras calm Mar chuibhrinn anm’ ’s mar chliu. ’S e ghradh ro-shaor ’thug thairis Criosd Mar iobairt fheartmhoir threin, ’Thoirt lagh us ceartais air an taobh Gu’n saoradh o gach beud. ’Se ’ghradh thug dhaibh ’san t-soisgeul Criosd, Sar-thiolac ’tha do-luaidh, ’Us creideamh leis an gabh iad e, Sar-inneal seamh nam buadh; Us maille ris-san lanachd grais Nach traigh a chaoidh nan cian, O’m faighear pailteas daibh gu leir Os ceann am feum ’sam miann. ’Se ghradh thug iads an tus do Chriosd Le tagha dionach tla, ’S a rithisd anns an t-soisgeul mhin Le creideamh brioghar blath. Le creideamh ghreimicheas gun sgios Ri Criosd a ghreimich rius’, Le fhacal us le Spiorad naomh Tre’m bheil an aonadh dluth. [TD 173] A leubhadair gabh thus gun dail Ri Slanaighear nam buadh, ’Se tairgse nasgadh riut an sith Le ceangal dileas buan. An lorg an nasgaidh ud bidh Criosd Gu siorruith annad fein; Bidh tus an Criosd gu siorruidh buan Fo dhion a bhuaidhean treun. Bidh comunn eadraibh dileas fior Le tioralachd ’us tlus Bheir thugad cobhair reir a ghrais Us dha-san cliu gun sgur. A reir do bhochdainn agus d’airc Mor-phailteas gheibh thu uaith, Mar ’dh’innseas duit gach samhla caomh Ta ’n sgriobtair naomh a’ luadh. ’Se Criosd an fhionain ’s tus’ a gheug Ris fein an ceangal dluth, Na’s dluith na geug bha riamh an craoibh A dh’fhas an coill o thus ’S ann uaith a gheibh thu sugh us brigh Bheir sineadh dhuit us fas, Do chum gu’n toir thu toradh uait Le buaidh chum cliu a ghrais. Clach chinn na h-oisinn E’n tigh Dhe, ’Se fein an fhior chlach bhuinn; ’Se snas na h-aitreibh e gu leir O’n steidh gu ruig a druim. Mar chlachaibh beo theid thus ’us cach A charamh suas na thaic, [TD 174] ’Chum fas ’n ur teampull bithbhuan, briagh, A bhios do’n Triath na thlachd. A rìs si ’n eaglais corp mhic Dhe, ’Se Criosd e fein a Ceann; Is ball gach creidmheach anns gach al, ’Measg chaich tha thus’ ad bhall. Mar cheanglar ceann us corp ri cheil’ Le feithibh, uilt, us boinn, ’S mar bheathaichear an corp o’n cheann Gach ball a faighinn roinn; Mar sin a ta gach creidmheach beo, Ma ’s beag no mor e fein, Le creideamh ceangailt dluth ri Criosd, Gu siorruidh feadh gach re, Us gheibh e sochairean nach gann O’n cheann gu chumail beo, ’S gu tuille fais a thabhairt da, Gach la le mais us treoir. Feuch samhladh ceutach eile, feuch! ’Se Criosd do cheile gaoil; Do cheile gasd a’s glaine tuar ’S a mhein thar smuainte dhaoin’ O leubhadair nach beachdaich thu Gu dur air teisteas De, Mu’n phosadh ud aig Dia am Mac Ri peacach dubh gun fheum. Mar thuirt E le Isaiah seamh, Do Chruithear ’se d’fhear-posd’, D’fhear-saoraidh Ti naomh Israeil, ’S e fein Ard-thriath nan slogh. [TD 175] A rìs mar phosas oigear oigh, D’fhear-togail posaidh thus; ’S mar bhios fear-bainnse ait na mhnaoi Bidh aoidh do Dhe-sa ruit s’. Mar thuirt E le Hosea rìs Am briathraibh mine bla, Ach posaidh mise thu rium fein ’S cha treig mi thu gu brath; Le firinn ceartas agus coir, Le caoimhneas mor ’s le gradh, ’Seadh posaidh mise thu rium fein ’S cha treig thu mi gu brath. Mar thubhairt fos an t-Abstol Pol Ri naoimh na Roimh’ le faìlt, A ta sibh posda ris an Ti A dh’eirich ris o’n bhas; Oir thug E saorsa dhuibh o’n reachd ’So’n pheacadh ’n ceud fhear-posd’, Le iobradh ’chuirp thug e a bhàs Us thàr E oirbhse coir. ’S mar thubhairt ruinn an Diadhair Eoin, Tha posadh ’n Uain air teachd; ’S a cheile dh’ullaich ’s i i-fein, A cheile ’s caoine dreach. Tha uimpe eideadh maiseach min, An fhireantachd nach mùth; An t-anart glan ro gheal ’s ro ghrinn Bh’air naoimh gach linn o thùs. B’e sud an ceangal caomhail caoin, Ni thu a’ d aon ri Criosd, [TD 176] Air chor ’s gu-m bi thu reir a ghne, ’S gu meal thu e gu fior’ B’e sud am posadh daingean buan Nach fuasgailear am feasd; Cha tig mi-dhilseachd, cha tig bas, A chaoidh gu fhagail brist. Air dhuit ’bhi posda ri Mac Dhe, ’S leat fein a shaibhreas mor Is leat a mhais us urram ard Is leat gun chaird a ghloir. Is leis-san d’fhiachan, us cha leat s’ Aon pheacadh rinn thu riamh; Do chionta uile thog e uait Le ’dhioladh buadhach fior. Do ’n Ti sin do nach b’aithne giamh Lochd-iobairt rinn an Triath, Chum thus’ bhi annsan le a brigh Nad fhireantachd le Dia. Tha thusa maille ris-san ceusd, ’S an deigh sin tha thu beo; ’S cha tus’ tha beo ach tha Mac Dhe, Beo annad fein le treoir. ’N uair thainig E nad dhail an tus Bha thu ’sa pheacadh marbh, Mar chlosaich ghraineil, lobhte, bhreun, Nad eucorach gun tairbh. Ach fhuair thu uaith cobheatha ’s cail, O’n bhas cothogail suas, ’S na neamhaibh ard co-shuidhe leis Le creideamh deas gun chluain. [TD 177] Gach teasairginn, gach dion us gaol Bheir daoin d’an ceile graidh, Bheir Criosd sin duits, us tuille fòs, Ri d’bheo le cridhe blath. Oir bidh cofhulangas us baigh A ghna na innigh leat, Nad amhgharaibh, nad eigin chruaidh, ’S nad bhuaireannaibh fa leth. Ged tha thu anmhann lag gun treoir Tha neart gu leoir aig Criosd, Us bidh a chumhachd dhuit ro phailt, Nad laigse us nad sgios. Ged tha thu ainniseach, us bochd Tha maoin us toic aig Criosd, Gu doichiollach cha bhuin E riut Ach bheir E dhuit do dhiol. Ged robh an saoghal mealltach, olc Toirt ionnsaidh ort gu geur, Gabh misneach bheir thu buaidh tre Chriosd A chiosnaich e dhuit fein. Thig amhghar codach, cuirp us ainm Geur lean mhuinn ’s fuath nan trùth, Ach bheir thu tuille ’s buaidh do ghna, Tre Chriosd a ghradhaich thu. Bidh Satan d’eascar air do thoir Gu seolt le buaireadh treun, Ach bruthaidh Criosd e fo do chois Us bheir E fois duit fein. Ta cridhe peacach ann do chom Bhios ort na throm ri d’la, [TD 178] Ach theid a chlaoidh, bheir Criosd a bhuaidh Do d’chridhe nuadh le ghras. Nis tha thu mosach salach dubh Tric ’tional cus de shal; Ach nighear thu am fuil an Uain Bheir ise bhuait gach smal. Nis tha thu duaichnidh, grand, gun dreach, Le plaigh a pheacaidh ort, Ach ni ath-nuadhachadh le d’Thriath, Thu sgiamhach grinn gun lochd. Ciod bhitheas tu cha-n fhaicear nis, Ach ’s fiosrach thu gu beachd Gu-m bi thu cosmhuil ris gun ghaoid ’N uair ’dh’fhoillsichear a theachd. Oir mar a ta E chi thu E An solus neimh a chaoidh, ’S do cholunn dhiblidh gabhaidh snuadh A chuirp ro-uasal naoimh s’. ’N uair thig, am bas cha bhi thu ’n teinn. ’S e ’s doch’ gu-n seinn thu ceol, A bhais cia nis do ghath! us uaigh Cia nis do bhuaidh ’s do bhosd! Theid d’anam glan gun smal, gun truaill, ’S an uair a dh’ionnsaidh gloir D’Fhir-saoraidh, Flath nam flaitheas ard, Ceannfeadhna slaint’ a shloigh. Us bidh do cholunn mharbh ’s an uir Sior-cheangailt dluth ri Criosd, Us eiridh tu ’san latha mhor Le mais’ us gloir nach crion. [TD 179] Oir seasaidh tu le h-aoibhneas ard An la’ir a Bhreitheimh choir, Us thig do bhinn a mach gu caoin O d’charaid gaoil, d’fhear-posd’. Theid Criosd s a shluagh a’s aillidh cliu An sin gu cuirt an Righ, Us dearrsaidh ort-s’ a ghnuis le failt’ Ged bhiodh tu ’n drast ro-chli, Cha-n fhaca suil, cha chuala cluas, Cha d’smuainich cridhe riamh Ro-mheud an aoibhneis us an tlachd Bhios ac’ an sud gach ial. Bidh urram Chriosd ro-fhad osceann Gach Prionnsachd ’s cumhachd ard, Gach neart, gach uachdranachd, us ainm A ghairmear bhos no thall. Ach ’s e sud ardachadh d’fhir-posd, ’S da ghloir is leat-sa roinn; Co-ghloir, co-shonas, ’us co-uaill, ’S thu fuaight ’ris mar cho-oighr’. Gach meas o dhaoin ’s o ainglibh naomh A gheibh d’Fhear saoraidh treun Bidh dhuit-s’ mar chliu ’s mar aobhar graidh, Do thaobh bhur daimh d’a cheil’. Cha bhi na h-aingil ’s binne cliu Co dluth air Criosd riut fein; Is ceile thus’, is oglaich iads’ Gu d’riarachadh gu leir. Cha-n fhaic thu chaoidh am measg nan sluagh Bhios shuas an sud gu h-ard, [TD 180] Aon uasal mar do charaid gaoil ’Ta aonaicht’ riut tre ghràs. Bidh aoidh co beannaicht’ air a ghnuis, Bidh shuil co caomhail tlath, S gu-n cum E deadh-ghean air gach aon, Ro-aobhach, ait gun chaird. Cha bhi ’sa chuideachd mhoir gu leir Aon bheul nach seinn a chliu, No suil nach beachdaich air le tlachd A’ faicinn mais’ a ghnuais. Chi thusa maise Dhe us dhaoin Na ghnuis bhios caoin riut fein; Us bidh tu maille ris a chaoidh An aoibhneas lan nach treig. O chreidmhich cuimhnich d’uailse fein ’Us uails’ do cheile choir. Na dean rud suarach, no rud nar, Rud grand a choisneas bron. Na lean droch cleachdadh, no mi-dhoigh An t-seors ’a cheus do Thriath, Gabh masladh Chriosd mar shaibhreas mor, B’e sud a ghloir nach b’fhiach. Na sòr do neart, do chiall, do chliu Le durachd ’thoirt do Chriosd, Na sor thu fein ’s do chuid thoirt seach Mu’m faic thu’n reachd ’dol sios. Cuir suas a ghloir le d’chridh’ gu leir, Le eud ’s le gradh gun cheilg; ’Se fein do Dhia ’s do bheatha chaoidh N uair thuiteas daoi fo ’fheirg. [TD 181] A chealgair dhona tha thu’n duil Gur caraid thu do Chriosd, Ge coigreach thu air nithibh shuas, Ge fuaight’ ri nithibh shios. De Chriosd Cha bhuin duit ach an t-ainm, Tha d’earbs ’a bunchar meallt’; Tha thu teachd dluth do Dhia led’ bheul, ’S do chridhe ’n deigh do shannt. Grad mhosgail, seall, us tuig do chealg ’S an fhearg a thoilleas i, Ma thilgear thu ’san teine bhuan Thig uamhann ort gun chrich. Gabh Criosd a bheir dhuit creideamh beo, ’Bheir gras us gloir mu’n seach; A bheir dhuit leigheas do gach creuchd, Us cridhe treibhdhireach. A dhaoi gun churam ’us gun gheilt Nach teich o’n fheirg ri teachd, Tha thus’ ad thraill do’n fhear a’s mios’ ’Sior-bhristeadh air an reachd. Is beag do mheas air Triath na gloir, Cha-n aill leat posadh ris Grad-mhosgail, tuig do ghoraich trath, Oir thig am bas a chlisg. Tha Aon-mhac Dhe a suiridh’ ort, Ge boch ’s ge suarach thu; ’S E deas gu gabhail riut gun dail An ceangal gradhach dluth. Sud tairgse ’s fearr a chualas riamh, Gabh i gun fhiamh, gun sgàth, [TD 182] Us gheibh thu saorsa o’ gach olc ’S bidh sonas ort gu brath. Om’ anam fein gabh sealladh fior Air diomhanas gach ni Fo’n ghrein a theid seach mar sgail ’S nach tig a la’ir a rìsd. Tog dhiubh ’us thoir do chridh’ gu leir Do nithibh Dhe ta buan; Na nithe taiceil, brioghar, blast Ta ’n tasgaidh aige shuas. A Dhe na firinn ’us na slaint’, Dean dileas gradhach mi Do chum gu’n lean mi riut gu dluth Le uile run mo chridh’. Gabh truas de’m bhra’ iribh, clann nan daoin’ Th’ air seachran claon gun cheist; O taom a nuas de d’Spiorad Naomh Na dh’aomas iad ri ’n leas. SAORSA O’N LAGH. “CHA BHI AIG A PHEACADH TIGHEARNAS OIRBH, OIR CHA-N ’EIL SIBH FO’N LAGH ACH FO GHRAS.” O CHREIDMHICH ann an Criosd, cha bhi Art diteadh chaoidh ni ’s mo. Reir Spioraid Chriosd sior-ghluais gu teann, ’S ni h-ann a reir na feol’, [TD 183] ’Se Iosa Criosd an t-urras treun ’Thug geill do’n lagh ’n ad ait, ’S a choimhlion air do shon gun dith Gach ni a ta ’s an aithn’. ’S e dh’fhuiling air do shon am bas, Fo mhallachd craiteach Dhia, Am peanas sin a thoill do lochd ’San t-slochd gu cian nan cian. Sud fireantachd a’s iomlain brigh ’Ni d’fhireanachadh chaoidh, Mar neach gun pheacadh gin no gniomh A bhuanaich riamh ’n ad shaoi. Sud d’umhlachd-sa do lagh an Triath, ’S cha-n iarr E ort an corr, Sud d’fhulangas le’n tug thu riar Do cheartas Dia na gloir’. Tha’n umhlachd ’thug a mhac do Dhia ’Ga riarachadh ni ’s fearr Na umhlachd bheireadh clann nan daoin O thus an t-sao’il gu brath. Tha fulangas uil’-fheartmhor Chriosd A’ dioladh ’cheartais aird Na’s fearr na fulangas chloinn daoin Ged chaoineadh iad gu brath. Trid creideamh leis am posar thu Gu dluth ri Iosa Criosd Bidh ’bhas us umhlachd as do leith-s’ Mar gu-m bu leat iad riamh. Us air an sgàth-san fhuair thu coir Na h-oighreachd moire shuas, [TD 184] Sar-choir gun mhearachd us gun ghiomh. A sheasas siorruidh buan. Cha-n ’eil thu aig an lagh fo chis, Cha dit e thu gu brath; Cha bhean a mhallachd riut am feasd, Oir tha do dhleasnais lan. Trid Iosa tha thu saor o’n reachd, Na cleachd bhi taiceadh ris. Cha bhuin a ghealladh dhuit le coir No aintean fòs a nis. ’Nad aite choimhlion Criosd gach aithn’, Cha d’fhag E dhuit-s’a h-aon: Tha’n gealladh agad ann an Criosd, ’S a bheatha shior gu saor. Ma dh’agras lagh nan oibre thu Grad-stiuir e’ dh’ionnsaid Chriosd, ’G radh, “fhuair thu umhlachd iomlan uaiths, ’S E m’urras buan ’s mo dhion.” Ma dh’agrar thu mu’n mhallachd fos Na sòr grad-earbs’ a Criosd “Na mhallachd rinneadh E ’n am ait, Mo ràthan E gun ghiamh.” O’n lagh na h-iarr-sa bunchar sith Do d’anam diblidh truagh, Oir mathanas no comhnadh caomh Cha-n fhaod thu fhaighinn uaith Ma bhios tu taiceadh ris an lagh Thig thu gu dragh gun dail; Oir their do chogais riut gun cheisd Cha-n ’eil do dhleasnas lan; [TD 185] Us buailidh ’m bagradh thu gu trom, ’N ad chom bidh trioblaid mhor. Theid d’aoibhneas uil’ air fogradh ’n cein, Us eiridh guth do bhroin; Ceart mar nach buineadh dhuit-sa Criosd No ghealladh fior gun bhreig, Ach mar gun teirgeadh tur a ghràs, ’S gu-m biodh a bhas gun fheum. Ma ’s aill leat aoibhneas cum do shuil Air umhlachd ’s bas do Thriath; Trid creideamh ’s bunchar iad do d’earbs’, Neo-chearbach feadh gach ial. Do ’n lagh cha-n ’eil thu ann am feich, Dhiol d’urras fein an t-suim, Ach tha thu ’m fiachaibh mor do Chriosd A dhiol do luach ’s nach maoidh. Thoir taing do Chriosd a rinn thu saor, Thoir dha do ghaol gu leir. Bi aoibhneach anns an t-sochair mhoir A dheonaich E dhuit fein. Na shaorsa phriseil feuch gu-n seas Thu daingean deas ri d’bheo, N a gabh mu d’mhuineal chum do chlaoidh Trom-chuing an lagh’ ni ’s mo. Ach cuimhnich fulangas us bas Do Shlanaigheir ro-threin. Dean bun a ghealladh us a ghras Gu laidir, gramail, gleusd. Ciod e ma seadh? ’M bi thu co baoth ’S gu-n toir thu gaol do ’n olc? [TD 186] Gu-m peacaich thu gu h-aingidh, dan, Mar neach gun ghras, gun toirt; A chionn o’n lagh gu bheil thu saor ’S nach daorar thu am feasd, Gu-n thaisbein Criosd duit neart a ghaoil ’S a ghras ro-chaomh gun cheist? Nar leigeadh Dia,—Cha-n fhaod e bhi Gu-n sìn thu mach do lamh Le ceannairc bhuirb an aghaidh ’n Ti ’Thug didean dhuit o’n bhas. Am bheil thu saor ’s gidheadh ad thraill Fo chois do namhaid gheir? N e d’fheudail Criosd, ’s gidheadh am bi Thu ’n sith r’a eascar treun? Nar leigeadh Dia, Cha-n fhaod E bhi Nach bi do chridhe lan Le gradh do Chriosd a thai’rneas thu ’Thoirt umhlachd shaor d’a aithn. Cha-n fhaod; oir tha e cinnteach fior Gu-n lion E dhuit do chridh’, Le uile ghrasaibh spioraid fein, ’S le feart a’s treine brigh. ’S e meas an Spioraid aoibhneas, gaol, Sith, caomhalachd, ’us stuaim, Fad-fhulangas ’us firinn mhath Le macantas gun chluain. Ta iad sud uile nise sgriobht’ ’Nad chridh gu’ soilleir buan; Us stiuirèar leo gu beothail gleusd Do cheumanna gach uair. [TD 187] Tha ’n uile ghne reir aithne Dhe, ’S a reir a thoil’ ro-choir. ’S am fad is beo dhuit ni iad stri Gu dileas ris an fheoil. An lagh sin o’n do shaoradh thu Le umhlachd Chriosd chum bais, An deigh a choimh-lionadh chuir E Gu seamh E ann ad laimh, Gu ’bhi na riaghailt beatha dhuit Neo-thuisleach ’us neo-chlaon, A stiuireadh d’anm’ gu direach, reidh ’S a cheum ta sona naomh. An lagh ud thug an t-Athair Dia Mar riaghailt uasal, choir D’a theaghlach urramach ’us sheamh Air neamh ’s air talamh fos. Bidh chlann ’ga h-ionnsachadh gu dluth Re fad an uine bhos; ’S ’n uair theid iad suas bidh iad gun sgios ’G a cur an gniomh gun chlos. B’i sud an umhlachd shaor neo-ghann, Cha’ b’ann a chosnadh duais; Cha b’ann le miodal teanga tlath, Ach gradh a cridhe nuadh; Cha b’ann le eagal diteadh ’n reachd, Ach tlachd an tabhairt geill; Cha b’ann mar thraill, ach b’ann mar mhac An achlais athar fein. Ma ’s leanabh thus’ an teaghlach Dhia Lean riaghailt d’Athar fein, [TD 188] Us meas mar chliu s mar shonas i Gu crich do chuairt fo’n ghrein, Bidh fuighleach leibideach de’n fheoil ’Gad shlaodadh’n comhnaidh leis, Gu earbs’ a fireantachd an lagh’ ’S gidheadh i glemhi-dheas. Ach faicill ort! ’S e sud do namh; Gu brath na treig-sa Criosd; Na treig-sa fhireantachd no ghras Air sgàth ni lomlan ghiamh. ’S a cheum ta cronail, baoth, gun bhrigh Cha-n fhaigh thu sith no fois, Ach gruaim an athar ’s milidh i Gach sonas cli ta bhos. Oir ged nach leig E ’mhallachd ort Bidh ’n t-olc dhuit caillteach searbh ’S math gean do Dhe seach gean an t-sao’il ’T a fealltach faoin gun dealbh. Thoir feairt, gach daoi a ghabhas fath O shaorsa ghrasmhoir Dhe A dheanamh uilc gu-n teid e chaoidh Gu claoidh na h-ifrinn dhein. So brigh na cuis’; si umhlachd Chriosd ’S an dioladh rinn a bhas, ’S cha-n umhlachd thruagh a thig o d’chridh’s’ Ni firean dhiot gu brath. S i d’umhlachd shaor trid feartan grais O’n spiorad ghradhach chaomh, An gnathach mheadhona gu dluth A nochdas thu ad naomh. [TD 189] ’S i nis mo chomhairl’ dhuit fadheoidh, Gabh i le deoin ’s le tlachd; Cha dean i dolaidh dhuit car uair Ach buannachd air gach achd. Na h-earb bheag idir ris an lagh Am feadh a bhios tu beo A chosnadh maitheanais no failt’ An Ti a’s airde gloir. Ach lean gu dileas ris an lagh Am feadh a bhios tu beo Mar riaghailt beatha fad do chuairt Air siubhal suas chum gloir. Oir umhlachd grais cha daorsa i, Ach saorsa phriseil, naomh; Am flaitheanas bidh ’n lagh gu leir Aig pobull De ro-chaomh. AN SOISGEUL. (AN DEIGH RANN 17.) A CHIONTAICH thruaillidh grad-ghabh gu smuaineach, Na druid do chluasan air fuaim na slaint’. Gun dail thoir eisdeachd le cridhe eibhneach Do bhrigh an sgeil ni dhuit feum gu brath. Cha bhi thu d’fhirean le d’oibribh diblidh; Na h-earb do shith riu mu’m bi thu creachdt’, Na creid do mhiannan, no’n sao’l, no’n Diabhol, Ach creid an fhianais thug Dia le’a mhac. [TD 190] ’S e ghibht gach ial E do pheacaich fhiata, ’S e ’thiolac fial E do dh’iarmad Eubh: Tha Dia an t-Ardrigh ’ga chur nad’ dhail-sa Mar thiolac aluinn na bhaigh riut fein. Is gradhach treun E gu d’thoirt a d’eigin A chum na reite nach treig a chaoidh; Is ealamh gleusd E na uile dhreuchdaibh; Na fan an cein uaith ’mu ’n teid do chlaoidh. Is faidh’ ro-theom E thoirt seachad eolais; Rach tric na chomhdhail ’s gabh foghlum uaith,’ Is Sagart caomh E a ghabhas daonnan Ri peacaich bhaoth; biodh do ghlaodh na chluais, Is treun an Righ E a dheanamh didein D’a uile dhilsibh; grad-striochd-sa dha Ma ’s peacach mor thu, ’s Fear-Saoraidh corr E, Grad-rach na choir, ’s gheibh thu foir gun dail. A Thighearu Iosa gabh truas de ’n Chriosdachd, &c. CRAOBH SGAOILEADH AN T-SOISGEIL. (THE 19TH VERSE.) AGUS cuideachd nan leabhraichean beag’, Cha chreid mi nach dean iad euchd, ’Toirt nan deor us nan dall chum an leas, Le ’n saothair, le’n seirc, ’s le ’n eud. Tha an leabhranan brioghor gun ghaoid Air an leubhadh le sgoinn ’s gach tir; ’S iad gu tric us gu pailt air an roinn ’M easg bhochdan an gainn’ ’us dith. [TD 191] DIAN-IARRTAS ANMA AIRSON CHRIOSD. LEIS AN URRAMACH D. B. BLAR. [TD 192] [Blank] [TD 193] DIAN-IARRTAS ANMA AIRSON CHRIOSD. Teis—“’Se fulangas mo shlanuigheir A bhios mo dhàn a’ luaidh.” Is truagh! nach leam-sa ’n Criosd tha’n sud Le ghniomharaibh gu lèir! A Phearsa ghlòrmhor, dhiadhaidh-san, ’Sa bhriathran mar an ceudhn’! Gach ni a rinn e ghniomhachadh, ’Na isleachadh fo’n ghrèin, O! b’fhearr gun d’fhuair mi còir air sud B’e sud m’ ard-sholas fèin. Is truagh! nach leam gu-h-uile e O mhullach gus a bhonn! A chum gum faighinn fasgadh ann O shiontaibh frasach, trom: Nam faighinn sgiathan airgid Mar an calman leumainn àrd, Us theichinn o na tuiltibh ud Gu uinneagaibh na h-Airc. Och! nach robh mi’m Pàrras Ann ’na làthair-san an glòir! A chum gu’n deanainn gàirdeachas Gu bràth an sin ’na chòir: [TD 194] Shuidhinn sios gu suilbhearach Gu cuirm ann aig a bhòrd; Ghrad-theicheadh uam gach airsnealachd, Gach acain agus leòn. Ach O! mur-faigh mi suidhe ’n sud ’Se ghuidhinn anns an uair, Gu’m beanainn ri oir eudaich-san Chum m’eucail a chur uam: Mur faigh mi dad de’n chuilm ud Ann an tigh na cuirm’ gu h-àrd, Ma gheibh mi mir de’n sbruileach Bidh mi aoibhneach agus làn. Gu h-àrd an Aros m’Athar-sa Tha aran pailt gu leòr; Se Criosd mo ghaoil an t-aran ud ’Se ’n t-aran beatha beò: Us tha na’s leòr san aran so A bheathachadh gach naomh Tha chòmhnuidh air an talamh so ’Sam flaitheanas maraon. ’S an éigin dòmh-sa seargadh as Le marbhantas, ’s le sgios? Am basaich mi gu gortach Le mòr ocras agus iot? O! b’fhearr gun d’fhuair mi crioman deth Aon chrioman de mo Chriosd! Se sud a dh’fhàgadh sàthach mi, Le gàirdeachas gun chrioch. O! cuine, Righ nan Dùl a Thèid mo stiùradh ann ad reachd? [TD 195] O! cuine bhios do stàtuisean Gach là air grùnnd mo bheachd! Us d’fhocal dhomh mar riaghailt Chum nach fiarainn as do ròd, Le m’aghàidh fad na slighe riut An Sion shuas an glòir. Nach iomad sruthan sòlasach De’n uisge bheò us shaor A shruth bho’n fhuaran bheannaichte Air thalamh am measg dhaoin’? Nach duirt e, “Ma tha tart air neach, Feuch! caisgeadh se e ’n so, Grad-thigeadh agus òladh e Oir gheibh e leòr gu thoil. Och! nam faodainn dh’òlainn deoch De’n uisge bheò gu saor! Is truagh nach faodainn tighinn, oir Is milis leam a ghaol! Gu cinnteach tha mi pàiteach Iotmhor, tartmhor, pàiteach teth! Air losgadh, us air tiormachadh Ro iomguineach gun cheist! Tha tart cho mòr air m’anam us Mur faigh mi deoch ri òl, Gum bàsaich mi gu h-ealamh, us Gum fannaich mi gun treòir: Ach faigheam deoch de’n uisge so, ’Smo mhisneach-sa thig beò Cha chluinnear mi sa’ phlosgartaich Le h-osnaich agus deòir. [TD 196] Mur faigh mi trusgan fireantachd Mo Chriosd gu m’dheanamh geal, Mur toir e féin a naomhachd dhomh, Gu m’naomhachadh gu glan: Naomhachd ghlan a naduir us A bheatha ghraidh le chèil, Slàn! slàn le sonas siorruidh? Tha mi millte feadh gach rè! O! thig a Thighearn, Iosa, tha Mo chiocras dol ad dhèidh! O! thig gu luath, ’s gu h-ath-ghoirid, Tha fadal orm leam fèin! ’S mòr m’fhadal gus am faic mi thu, Gu maiseach shuas air nèamh! Do ghnùis ro dhealrach, ghlòrmhor, tha Ro àrd thar glòir na Grèin’. Do ghlòir-sa tha cho maiseach us Gun glacadh i mo ghaol, Bheir d’aogus mi an ciomachas, Cha sir mi bhuait ri m’shaogh’l; Do mhaise tha cho sgiamhach us Nach iarrainn imeachd uait, Oir ghoid do sgèimh mo chridhe bhuam, Tha m’innigh nis fo ghluas’d. Cha’n urrainn mi bhi riaraichte Am bliadhna no gu bràth, Mur faic mi gnùis an Righ, a tha Air Sion glòrmhor àrd! O! thig a Chriosd, mo Thighearna, O! thig a nis gu luath! [TD 197] O! thig us tog mo mhisneach-sa; Mur tig bidh mise truagh! O! Nigheanan Ierusaleim Tha lurach agus grinn, Sparram oirbh ma chi sibh e (Oir tha mi sgith ro thinn,) Le cabhaig sibh a dh’innseadh dha Gu bheil mi tinn le gaol; Mur coinnich e le ’lànachd mi Gum bàsaich mi le caoil. ’Se thuirt oighean Shàleim, “A thé ’s àillidh ’m measg nam ban, “Ciod e sin fear do ghraidh-sa thar “Gach aon de chàch ’na dhreach? “Innis duinn us iarraidh sinn “Ma ’s miannach esan leat.” Tha Fear mo ghràidh ro ghlòrmhor, tha A cheann mar òr ro ghlan. ’S geal dealrach mar an lili e A chinneas anns a ghleann, Is dearg mar Ròs an Sàron e ’Se Fear mo ghräidh gach àm. ’S Ceann-feadhna measg dheich miltean, e Nas finealta na càch, Fear-iomchair treun mo bhrataich e, A chasgaireas mo nàmh. Tha chiabhan dualach, caisreagach, Dubh, bachlagach, us clearc, Tha aogus àrd mar Lebanon Nam badanan ’s nam preas, [TD 198] Tha ghnùis ro àluinn cùbhraidh Mar an seudar ùr-ghorm àrd; Tha shuil mar shuilibh calmain Laimh ri torman nan sruth làn. A ghaol-san riabh bha seasmhach dhomh, Cha teirig e gu bràth, Tha innigh caomh ro thruacanta, Is maireann, buan, a ghràdh; Us tha e gu lèir ionmhuinn leam, Ro ionmhuinn anns gach dreuchd, ’Se m’ Fhàidh, mo Righ, ’s mo shagart e M’Fhear-tagraidh anns gach feum. ’Se’m Bràthair gaoil a’s sine e A dh’imich anns a’ chuan, Cuan lasrach corruich Athar, Chum mo theasairgin o thruaigh; Nuair thèid a thrusgan maiseach orm Chan fhaicear annam smal Bidh fàile cùbhraidh, taitneach dhiom Mar achadh beannaicht’, glan. ’Se sud am Bràthair gràsmhor Dh’fhuiling piantan cràiteach, cruaidh, Us dhùin am Bàs fo ghlasaibh e An cadal prais na h-uaigh; Ach dhùisg e as a chadal ud, Mar Shamson as a shuain, Us spealg e suas na geatachan ’S na crannan prais gu luath. Oir shaoil am Bàs gu’n cumadh e An curaidh ud fo smachd, [TD 199] Ach cheannsaich e le urrantachd A chumhachd us a neart. Us dh’èirich e gu h-urramach Le tuilleadh agus buaidh, Us thug e chreach o’n droch spiorad ’S a’ chobhartach o’n uaigh. O! cuine thèid mi dhachaidh leis Gu flaitheanas na glòir? O! cuine nochdar sgiamhach mi ’Na fhianuis-san fadheòidh? Nuair thig mu’n cuairt an t-am ud anns Am fàg mi gleann nan deur, Làn-sgeadaichear gu glòrmhor mi Mar lòcharan nan speur. ’Se dh’fhàg fo bhròn san am so mi An seann duine bhi treun! ’Se rinn mo chridhe bhristeadh dhomh ’S mo chreuchdan silteach, breun! O! cuine bhios mi naomhaichte, Ro iomlan naomh a steach? ’S mi leumas le mor ghàirdeachas Nuair dh’fhàgas mi am peac’. Nuair theid mi nunn thar Iòrdain ud Gu Aros glòrmhor Dhè, Bhèir mise cliù gu brath ann da O’n shabhail e mi fèin: Oir co’ a thoill bhi ’n iutharna A’ gul am piantaibh goirt Cho mòr ri m’anam peacach-sa A bhris a reachd le m’thoil. [TD 200] FULANGAS AN T-SLANAIGHEIR; LAOIDH LE IAIN MAC-GILLEBHRA. DUISG, O m’anam, ’s bi gniomhach, Dean dluth fhaire agus riaraich an Ti A rinn d’ainbhfhiach a dhioladh Us a cheannaich le phiantan dhuit sith; Bi gu curamach striochdte Le mor shùrd ann am fion-lios an Righ. Thar na smuainicheadh riamh leat, Bidh do dhuais bho do thriath aig do chrich. Thig rè tacain do’n ghàradh Us gabh beachd air do Shlanaighear caomh; Faic sruth fallais dheth ’bàrcadh Us neul fala gu làr air gach braon. Is e peacadh sliochd Adhaimh ’Chuir an glacaibh a bhais a chorp naomh. Bu trom-shac ’s an robh cradh e, Us an ceartas rà phaidheadh cho daor. Faic do mhuinntir a ’sealg air Us na h-Iudhaich cho garg air a thoir; Seall air Iudas, an cealgair A tigh’nn dluth air ’s run marbhtach na phoig. [TD 201] Seall air Peadar ’g a aicheadh Leis a gheilt ann an lathair an t-sloigh; ’S gabh-sa leasan bho’n fhaillinn A tha dh’easbhuidh na’n gràs anns an fheoil. Faic na saighdearan bruideil, ’S iad gun suim dheth, ’ga rùsgadh gu lar; Faic ri crann e ’ga sgiursadh, ’S iad gu naimhdeil ’ga dhiultadh le tàir. Seall air fheoil na trom-lotan ’Si air bòchdadh na tosgaibh bho’n chnàimh. C’uim’ nach cianail leat osnaich? ’S e do ghniomh-s’ thug an goirteas ud dha. Och, a Philait ’s a Heroid, Bha sibh meallta le cheile bho thùs; Leig sibh srian leis an eucoir, ’S ghabh sibh fianaisean breige ’s a chùis. An Ti firinneach cheus sibh Airson impidh ’s droch-sgeula luchd-drùis; ’S thug sibh sith do’n fhear-reubainn Bh’air a dhiteadh, air beulthaobh na cùirt. Fhuair na h-Iudhaich an t-ordagh, ’S leig iad fuasgailte comhla’n droch-rùn. Chaidh a bhualadh le dornaibh, ’S e mar uan a measg leoghann,—cho ciuin. ’Sgitheach guineach an fhàsaich Sparr iad uime, ’s e’n cradh leis, mar chrùn. Rinn iad fanaid ’s gach doigh air, ’S thilg iad sileadh am beoil air a ghnuis. M’ anam peacach bochd trailleil, Ciamar nochdas tu ardan us fuath? [TD 202] C’uime bhiodh tu cho straiceil Air do lionadh le ailgheas us uaill? Thusa thoill le d’dhroch nadar ’Bhi’ gu siorruidh an aite na truaigh, Faic am Firean thug gradh dhuit, ’Ceannach sith dhuit fo thàir aig an t-sluagh! Moch air maduinn an annraidh Us e lag-chuiseach, fallinneach, fann; Gun lochd cadail, gun tamh aig, Leis gach sladadh us fàl-bheairt a bh’ann, Chaidh a chrois air a ghiulan, ’S shil a lotan, as ur anns an am. Bu ghoirt leìrte bha ghualann ’S e a’ geilleadh fo’n uallach ’bha trom. M ’anam, m’anam dean dùsgadh, ’S thig le aithreachas ’s urnaigh gu d’ leigh, Dean a leanachd le dùrachd; Ann ad shealladh cum ùmhlachd ’s gach ceum. ’Si an Fhirinn do sgàthan; Fuirich dileas us aicheidh thu fhein; ’S ni do Righ do làn-thearnadh ’Daindheoin innleachdan Shàtain nam breug. Air dhaibh ruighinn an t-sleibhe Thug iad aodach gu leir dheth air ball; ’S air an sgaoileadh bho cheile Ris a chraoibh chuir iad spèic anns gach laimh. Cha’n ’eil cainnt ann a dh’fheùchas Dhuinn an cradh bha na chreuchdan ’s an am. Ciod an gràdh thug Mac Dhe dhuit, ’Dol gu bàs le thoil fein ann ad gheall! [TD 203] ’N uair a chuir iad a suas e Gu’m bu toibheumach, uamharr an gàir; Guth gach aoin bha toirt fuath dha, Gun fhear gaoil ’san robh truas dheth na chàs. Fhuil a bruchdadh mar fhuaran, ’S i na cuirnean mu’n cuairt air an làr; Us an fhearg a bha fuathsach A sior-thigh’nn a nuas air ’n ar n-ait. Crom crom iosal le nàire ’Bhi cho di-chuimhneach, ardanach, baoth; Ged chaidh Iosa na d’aite Fo d’chuid fiachan gu bàs air a chraoibh. Seall air sòlas nan aingeal, Carraig dhòchais us cala nan naomh, ’S’ fhuil a dòrtadh gu talamh Ann an doruinn gun ghearan, gun ghlaodh. Tog do shuil ’s bi fo uamhann, Faic na duilean lan gruaim agus colg. Thainig dùsal us duathar Air a ghrein le roth uain’ agus dearg. Chrith an duthaich mu’n cuairt daibh Agus dhuisg as na h-uaighibh na mairbh. Sgoilt na creagan le nuallan, Fo throm-eagal bha’n sluagh us iad balbh. ’M anam beachdaich air Criosda Us air fheartan neo-chriochnach gu leir. Glanaidh fhuil dhiot gach peacadh, ’S ni i geal thu mar shneachda nan speur. Tha e tairgse na ghradh dhuit Sith us sonais am Pàrras leis fein. [TD 204] Mu’n tig geamhradh a bhàis ort Glac an t-am ’s na leig faillinn adcheum. Cliu do’n Athair gu siorruidh Nach do sgar thu as fhianais na fheirg. CIiu do’n Mhac mar an ciadna ’Rinn do cheannach le phiantan bho d’cheilg. Cliu do Spiorad na siochaint Rinn do ghlanadh le iocshlaint bho d’mheirg. Cliu us gloir do’n aon Dia sin, Bun do storais, d’ard-mhiann us do sheilbh. LORIMER AND GILLLIES, 31 ST. ANDREW SQUARE, EDINBURGH.