[DA 1] BRATACH NA FIRINN. DEASAICHE, NIALL MAC-NEILL, Ughdar “CIAN-DHAIN,” &c. LEABHAR I. 1873. GLASCHU IS LUNNUINN: U. R. M‘PHUN IS A MHAC. DUN-EIDEANN: MACLACHLAINN IS STIUBHARD. AGUS AN COMUNN LEABHAR IS DHUILLEAGAIN. [DA 2] AILTE LE DONN IS URICHT, GLASCHU. [DA 3] AN CLAR-INNSIDH. Is i bàrdachd a tha anns na cuspairibh a tha air an clobhualadh fiar. A. Taobh-duilleig. Aisling Bhalsasair 181 Aithreachas 3, 42, 55, 109, 170 Am measg Eaglaisean Shasuinn, 77, 173 An Ceannaiche Flathail 153 An Eaglais 111 An Ierusalem Nuadh 10 An Neul 166 An Nighneag Ghaidhealach 121 An Rigveda 5, 27, 60 An t-Olla A. Grannt 169 An t-Olla Bochannan ’s na Gàidheil, 62 An t-Olla Guthrie 191 An t-Urr. P. MacGilleadhain 29, 39, 56, 85 An t-Urr. R. Fiunlason 7 Aran Briste 12, 44, 64 B. Bàs Lìosaidh Nic Mhuirich 132 Breitheanas 116 C. Ceit Mhòr 105 Ciod E’n Dia Bram? 100 Comhairle Charsueil d’ a Mhac 6 Comunnachadh ’s an Tòiseachd 193 Craobh-Sgaoileadh an t-Soisgeil 41,193 Creag nan Al 133 C. Salm, L.M. 28 Cumha nan Og 26 D. Dàn 189 Dàn na Bòid aig na Deadh Theampullaich 28 Daniel agus a Chompanaich 172 Dara Teachd Chriosd 58, 75, 92 Deòrsa Wishart 23 Do na Gàidheil 91 Dr. Iain Dòmhnullach na Tòisidheachd 156 E. Easglaisean Shasuinn 77, 173 Earail 115 F. Fan maille ruinn 186 Fàrdach Fhinn 152 Fàs na Pàpanachd 165 Feuch an t-Uan 185 Fios Coitcheann 102, 120, 136, 152, 168, 184, 195 Focail Misneachaidh 104 Foirfeach nan Stòp 178 Freagradh do Oraid Dhr. Bhochannain 79 G. Gàidheil Ghlaschu 149, 161 ———— Ghrianaig 180 Gearan d’ar Linn 31 Gnothuichean Gàilig 120 Gu Deasaiche na Brataich 128 I. Iain Knox 37, 53 Ierusalem ro Oirdhearc 8 Innis-na-Fròine 21 L. Lànachd Iosa 152 Laoidh 40, 97, 184, 192 [DA 4] Taobh-duilleig. Laoidh a’ Bhalaich Mhuileich 54 Lèodaich Raäsa 93 Litir o Ishmael Ionmhiunn 98 M. Miann Deireannach Bàird 101 Mr. Ruairi 146 Mu Ghaidheil Ghlaschu 194 N. Na Bràithrean is na Peathraichean, 108 “Na Fir” 130 Na Gàidheil is na Philistich 123 Na Mormonaich is an Creud 96, 112 Na trì Fàrdaich 129 O. O Bhreth gu Bàs 125 Oran an Eilthirich 31, 43 Oran-faire na Brataich 10 P. Pàdruig Hamilton 2 S. Sabat an t-Arabiach 139 Sealltuinn ris a’ Chrann-cheusaidh 43 Sgeul mu’n Dìle leis na Hindùich, 73 Sìne Chaimbeul 81, 89, 117, 134, 139, 159, 179, 187 Sgoilearachd Ghàilig 182 Sgrìobhadh Carragh-cuimhne Uaigh Alastair 183 Sgrios Shennacherib 20 Solus o’n Iar 188 T. Teachd gu Criosd 57 Teagasg nan Aithrichean 108 Théid mi gu Iosa 88 Tighnacloiche 131, 142, 164, 174 Tìr nam Beann ’s nam Phariseach 84 Tobar Shiloam 124 Togail na Brataich 1 Turus an Urr. S. Rig do’n Ghàidhealtachd 155 U. Uaigh Choupeir 167 ENGLISH. [Beurla] [TD 1] “THUG THU BRATACH DHOIBHSAN D’AN EAGAL THU, GU BHI AIR A TOGAIL SUAS AIR SGÀTH NA FÌRINN” BRATACH NA FÌRINN PAIRT 1.] October, 1872. [LEABH. I. TOGAIL NA BRATAICH. A CHAIRDEAN IONMHUINN—Chuala sibh mu ar BRATAICH cheana—gu ’n robh i ri bhi air a sgaoileadh os ceann chrìochan iomraiteach nan Gàidheal. A nis, gun tuilleadh roimh-ràdh, air dhuinne a’ BHRATACH a thogail suas “air sliabh àrd” fo shròlaibh geala na Fìrinn tha sinn an dòchas gu ’n “sìn sibh ’ur làmh.” Tha i air a sgaoileadh air sgàth aobhar math agus naomh ar Prionnsa agus ar Slànuighir, Emanuel, a tha ’toirt “àithne d ’a dhaoinibh coisrigte.” Tha sinn an dùil gu ’m faic sibh gur h-ann o ar Prionnsa Mòralach Oirdhearc féin a tha sinn a’ faotainn “suaicheantas a chur suas ann an Sion;” agus, do bhrìgh ’s gu ’m bheil “sinn fo fhiachaibh,” gu ’m bi sinn uile air ar faicinn a’ glacadh ’n ar làimh le toileachas puist thogalach na BRATAICH. Oir cha ’n ’eil neach a fhuair sealladh no eòlas air a phearsa ghlòrmhoir-san nach do thuig gu ’n d’ fhuair e féin sròl r’a thogail suas, maille ri àithne agus gealladh o Cheannard na Slàinte—“Bi-sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhuit crùn na beatha.” “Fa chomhair bhallacha Bhabiloin cuiribh suas a’ bhratach, deanaibh am freiceadan làidir,” “tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd chum catha.” “Na biodh eagal oirbh rompa; cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach,” “cogaidh ar Dia air ar Son.” “Ged is lìonmhor a dh’ fhàs ar nàimhdean” seasamaid “a’ cathachadh an aghaidh peacaidh;” agus an uair a bhitheas sinn “mar fhear-iomchair brataich a’ call a threòir,” no “an uair a thig an nàmhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach ’na aghaidh.” ’Se ar misneachd mhòr an “deadh chòmhraig a’ chreidimh” an aghaidh saoghaltachd, mi-chùraim, mi-dhìlseachd, agus ain-diadhachd, gu ’n “tig Tighearna nan sluagh a nuas gu cogadh air son sléibh Shioin, agus air son a chnuic” féin. Gu ’n robh an Tighearna féin a’ glanadh ar cridheachan o aingidheachd, agus a’ deanamh ar n-oidhirp fhaoin “’na beannachadh ann am meadhon na tìre.” AN DEASAICHE. [TD 2] PADRUIG HAMILTON. RUGADH Pàdruig Hamilton mu ’n bhliadhna 1503. Thàinig e o shìnnsearachd uasail, agus bha e càirdeach do ’n Rìgh féin. Shònruicheadh o aois oìg’ e le ’phàrantan, agus le ’chàirdean eile, gu bhi ’n a shagart ann an eaglais na Ròimhe; agus bha am fòghlum a fhuair e a réir so; ach chunnaic an Tì a ta ’riaghladh os ceann dhaoine iomchuidh nach ann mar so a bhitheadh a’ chùis agus dheònuich e dha mar a chì sinn an déigh so gràs a rinn ro ainmeil agus urramach e ’n a latha ann am fìon-lios an Tighearn Iosa. A chum mòr fhòghlum a chosnadh chaidh e a mach, mar ’bu ghnàth le daoin’-uails’ òg’ eile a dheanamh, do ’n Ghearmailt, far an robh aig an àm ud, oil-thighean a bha ro ainmeil airson àrd-fhòghluim. Mar so thachair ann am freasdal an Tighearna gu ’n do choinnich e ris na daoine urramach sin, Martin Lùther, agus Philip Melancthon a bha ’n an innealan sònruichte ann an làimh an Spioraid Naoimh aig an àm ud gu bhi ’cur air a h-aghaidh obair an Ath-leasachaidh Phrothastanaich air feadh na Roinn-Eòrpa. Mar so thàinig e gu bhi ’faotainn eòlais air an fhìrinn mar a ta i ann an Crisod agus gu bhi ’faicinn mhearachdan marbhtach na h-Eaglaise Pàpanaich, anns an robh e roimhe so a’ creidsinn, agus cosmhuil ri Pòl bha e nis cho eudmhor agus dian air taobh na fìrinn agus a bha e roimhe so ’n a h-aghaidh. Air a stiùradh mar so leis an Spiorad, chuir e roimhe gu’m pilleadh e ’dh ionnsuidh a dhùthcha féin, a bha aig an àm ann am mòr dhorchadas, a chum gu ’n innseadh e dhoibh mu nithe iongantach an Tighearna. Bha fios aige air a chunnart a bha roimhe, ach a’ lasadh le gaol agus eud diadhaidh, rùnaich e gidheadh gu ’n rachadh e agus gu ’n deanadh e aithnichte saoibhreas do-labhairt Chriosd do ’cho-pheachaich ann an Alba. Mar so aig aois thrì bliadhna fichead thòisich e air an t-soisgeul a shearmonachadh, agus mearachdan na Pàpanachd a nochdadh, agus bha e gu mòr air aideachadh leis an Tighearna ’n a shaothair. Bha aig an àm so an duine fuilteach ain-diadhaidh sin Cardinal Beaton, air ceann Eaglais na Roimhe ann an Alba. Maille ri so b’ e ard-riaghlair na rìoghachd e ann an nithe aimsireil. Bha sùil an droch dhuine so air, mar tha sùil an leòghainn air a’ chobhartaich air am bheil e ’dearcadh. Ach a bhrìgh càirdean Mhr. Hamiltoin a bha cumhachdach bha e an teagamh, am bitheadh e glic dha peanas obann a dheanamh air. Uime sin ghabh e air gu ’e robh e féin airson mearachdan na-h-eaglais a cheartachadh, gus an d’ fhuair e Mr. Hamilton gus na beachdan aige a chur an céill gu follaiseach fa chomhair fhianuisean. Bha so ann am Baile Chillrìbhinn, far an robh am Beatonach a’ chòmhnuidh. Air tùs chuir e dian iompaidh air gu cùl a chur ris na beachdan nuadha so, mar a ghoirte dhiubh. Ach an uair a chunnaic e nach aontaicheadh Mr. Hamilton ri so rinn e greim air air ball agus chuir e am prìosan e. Chithear gus an latha ’n diugh an toll ann an ìochdar a’ chaisteil aige anns an do leigeadh sìos an duin’ ionmhuinn so air an oidhch’ ud. Tha e domhain agus farsuing aig ’ìochdar agus caol aig a’ mhullach, air sheòl ’s nach comasach do neach air bith a thighinn as gun chobhair. Tha an toll dubh so air a ghearradh a mach as a’ chreig air am bheil an daighneach air a togail. Tha cuid do na beachdan airson an robh Mr. Hamilton air a dhìteadh mar a leanas:—“Nach urrainn neach maith a dheanamh de fein.” “Nach ’eil neach air bith gun pheacadh, am feadh ’s a tha e anns a’ choluinn.” “Nach ’eil neach air bith air fhìrinneachadh trìd oibre ach amhàin trìd creideamh.” “Nach ’eil éifeachd ann an aideachadh do shagart Pàpanach a chum slàinte; agus nach urrainn dha maitheanas peacaidh a dheònachadh.” “Gur h-e am Papa an t-Anacriosd; agus nach fearr e na Sagart air bith eile.” Airson nam beachdan fallain so bha e air a dhìteadh gu bàs. Bha an Rìgh air a chur air “turus naomh,” mar a theireadh iad, gu Baile-Dhùthaich, an siorramachd Rois, air eagal agus gu ’n tiorcadh se e. Agus air feasgar an latha air an do dhìt iad e, thug iad a mach e, dh’ ionnsuidh aon do shràidean Chillrìbhinn far an do loisg iad le teine e. Beagan ùine mu ’n do lasadh an teine, chuir e dheth ’aodach agus thug se e do ’oglach ag ràdh, gabh so cha ’n ’eil tuilleadh agam a bheir mi dhuit, ach eisimpleir mo bhàis agus tha mi guidheadh ort thu chumail so air chuimhne. Tha am bàs so searbh ann am beachd dhaoine, gidheadh tha e ’treòrachadh chum na beatha shìorruidh, nach sealbhaich aon air bith a dh’ aicheadhas Criosd fa chomhair an droch ghinealaich so. Air dha so a labhairt thog e suas a shùilean gu nèamh, ag earbsa anama ris an Tighearna. Thòisich fear do na Sagairt air a ràdh ris gu ’m bu chòir dha aideachadh gu ’n robh e ’m mearachd; agus a bheatha a chaomhnadh. “A dhroch dhuine,” arsa Mr. Hamilton, “tha fios agad nach ’eil mi ’m mearachd; dh’ aidich thu dhomh e an uaigneas; agus gu cinnteach bheir thu cùnntas air a shon fa chomhair cathair breitheanais Chriosd.” Is iad na briathran deireannach a labhair e, [TD 3] “Cia fhad O Thighearna a chòmhdaicheas an dorchadas so an rìoghachd. Cia fhad a cheadaicheas tu aineart dhaoine.” Agus fa dheireadh, ag ràdh nam briathran a labhair Stephan—“a Thighearn Iosa glac mo Spiorad,” dh’ ìobair se e féin do Dhia, maille riusan uile, a bhàsaich airson focail Dé agus ’fhìrinn bheannuichte—dream air nach b’ airidh an saoghal, “Bitheamaid ’nar luchd-leanmhuinn orrasan a ta trìd creideamh agus foighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.” A. SINCLAIR. AITHREACHAS. “Thug Dia ma seadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas chum na beatha.”—Gnìomh. XI. 18. MU’N oidheirpich sinn beantuinn ri nàdur agus éigin aithreachais chum beatha, tha rùn oirnn, focal no dhà a labhairt, air tùs, an rathad roimhràdh, air an dà phuinc so a leanas:—Anns a’ cheud àite.—An dlùth cheangal neo-sgairte a ta eadar creideamh agus aithreachas araon ann an comhairle Dhé agus ann am foillseachadh a’ chroinne cheusaidh. Anns an dara h-àite.—An dàimh anns am beil araon creideamh agus aithreachas a’ seasamh ri Dia mar an ùghdair agus an àrd aobhar mar tha sin air a chur f’ ar comhair ’s a’ cheann theagaisg agus an iomadh earrainn eile de fhocal Dhé. Tha an t-abstol Pòl a’ cur an céill do sheanaraibh Ephesuis nach “do scheachainn e uile chomhairle Dhé fhoillseachadh dhoibh.” Agus ’s e bhi ’foillseachadh uile chomhairle Dhé an am beachd an abstoil a bhi a’ deanamh fianuis araon do na h-Iudhaich agus do na Greugaich mu aithreachas a thaobh Dhé agus mu chreideamh a thaobh ar Tighearna Iosa Criosd. ’Nuair a dh’ fhoillseachadh ar Tighearna Iosa Criosd e féin air thalamh, le Spiorad an Tighearna Iebhobhah air a chum soisgeul rìoghachd Dhè a shearmonachadh do na bochdaibh, ’s e a thubhairt e, “choimhlionadh an aimsir, agus a ta rìoghachd Dhé am fagus; deanaibh-sa aithreachas, agus creidibh an Soisgeul” (Marc i. 15). Tha e cosmhuil mar sin gur h-e creideamh agus aithreachas ann an seadh àraidh, brìgh agus suim, cho math ri buaidh agus toraidhean an t-soisgeil. Tha e iomchuidh mar an ceudna thoirt fainear gur h-iad an dà ghràs so, creideamh agus aithreachas, na meadhonan sin o ’n leth a steach trìd am beil slàinte mhòr an t-soisgeil air a tòiseachadh, air a giùlan air a h-aghaidh bho cheum gu ceum gus am beil i air a deanamh iomlan ann an “trom-chudthrom glòire a ta ni’s ro anabharraich agus sìor-mhaireannach.” ’S e ni eile a ta ’n Sgriobtur a’ deanamh glé shoilleir agus da ’m buineadh do pheacaich an ro aire thabhairt gur h-iad na puincean bunaiteach so ceud ghnìomhan-dleasannais nan uile a chì Dia, ann an rathad, a bhi ’toirt céill do ghairm agus thairgse shaoir an t-soisgeil. Agus mar sin ann an làn chòrdadh ri teagasg a’ Sgriobtuir air a’ phuinc so, tha Leabhar Aithghearr nan Ceist ag ràdh, “Chum dol as o fheirg agus o mhallachd Dhé a thoill sinn a thaobh ar peacaidh, tha Dia ag iarruidh uainne creideamh ann an Iosa Criosd, aithreachas chum beatha,” &c., &c. Agus co dhiù a bheir sinn fainear iad mar dhleasannas an duine no mar thiodhlac agus obair Spioraid Dhé, tha creideamh agus aithreachas cho neo-sgairte araon ann an gealladh Dhé agus ann am féin-fhiosrachadh a phobuill ’s nach urrainn bith no cleachdadh a bhi aig an dara aon a dh’ easbhuidh bith agus cleachdadh a thabhairt do ’n aon eile. ’Si ceud obair an Spioraid Naoimh anns an anam a bhi ’g a bheothachadh. “Agus sibhse bheothaich e a bha marbh ann an eucartaibh agus ann am peacaibh” (Eph. ii. 1). Agus theirear ris a’ bheatha a ta mar so air a suidheachadh anns an anam “cruthachadh nuadh,” “ath-ghineamhuinn,” agus “gairm o dhorchadas gu solus iongantach.” Agus theirear mu ’n mhuinntir anns am beil a’ leithid so de dh’ obair air a deanamh “gu ’m beil iad ’n an creutairean nuadh,” “gu ’m beil iad beò bho na mairbh” agus gur iad obair Dhé. Agus ’s e ceud ghnìomh agus chleachdadh a’ chreutair nuaidh so a bhi ’g amharc tre chreideamh, air Criosd mar a chuspair agus ’fhìor ùghdair; agus ’s anns an dearbh-ghnìomh-amhairc so a ta aithreachas a chum beatha a’ faotainn bith agus cleachdaidh nach crìochnaich gu sìorruidh gus am bi an t-anam air a chur ann an lathair an Athar ’n a anam “glòrmhor gun smal gun phreasadh, no ni air bith d’an leithidibh sin” (Eph. v. 27). ’S e so an dearbh mhodh agus òrdugh anns am am beil “focal math na beatha” a’ laimhseachadh agus a’ mìneachadh nam puincean cudthromach agus dìomhair so. “Agus dòirtidh mi air tigh Dhaibhidh agus air luchd àiteachaidh Ierusaleim Spiorad nan gràs agus nan athchuingean; agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus ni iad caoidh air a shon,” &c. (Secariah xii. 10). Anns na briathraibh so tha againn Criosd, an Spiorad Naomh, creid- [TD 4] eamh agus aithreachas a’ coinneachadh cearta còmhla anns a’ ghnìomh òirdheirc agus iongantach sin a bhi ’toirt pheacach gu Dia. Tha an Spiorad a’ toirt a’ pheacaich leònta gu bhi ag amharc ri Criosd air son leigheis; agus bho ’n t-sùil a ta am peacach air a lot a ’toirt air a’ Chriosd a rinn e a lot, a ta an t-aithreachas no ’m bròn diadhaidh sin a’ sruthadh nach sguir a chaoidh gus an “tiormaich Dia gach deur o ’n sùilibh, ’g an treòireachadh gu beò-thobraichibh uisge” (Tais. vii. 17). Mar sin, an t-anam anns am beil aithreachas air oibreachadh, ’s e an dearbh anam a ta ’creidsinn ann an Criosd. ’S e creideamh mar gu ’m b’ eadh, tobar agus màthair aobhair aithreachais, air chor is ged a tha creideamh agus aithreachas air an deònachadh le Dia, cearta còmhla agus aig an aon àm thaobh tìm, gidheadh ann an òrdugh nàduir a’ dol air thoiseach air aithreachas. Agus an tì leis am b’ àill aithreachas a dheanamh feumaidh e, air tùs, creidsinn ann an Criosd a chum is gu ’n dean e aithreachas. Tha fios againn gu math gu ’m beil cuid a dhiadhairean ann a ta ’teagasg calg dhìreach an aghaidh so; ach ’s e so teagasg an Sgriobtuir agus ar Leabhar Cheist. Anns an dara h-àite.—An dàimh anns am beil araon creideamh agus aithreachas a’ seasamh ri Dia mar an fhìor ùghdair agus àrd aobhar. Is e Dia a ta ’g an deònachadh le chéile araon do Iudhaich agus do Ghreugaich. Dearbhamaid so o’n Bhiobull a thaobh gach aoin diubh fa leth ann an òrdugh. An toiseach, ’s e creideamh tiodhlacadh agus obair Spiorad Dhé. Tha an Sgriobtur a’ gnàthachadh da mhodh labhairt mu thimchioll aobhar a’ chreidimh. Ann an cuid a dh’ àitean tha e air a chur as leth gnìomh àrd-uachdaranail deagh ghean Iehòbhah, agus ann an àitibh eile, gheibh sinn e air a chur as leth cleachdadh spéiseil agus àraidh cumhachd Dhé. Mar eisimpleir air a’ cheud mhodh labhairt dhiubh so, tha an t-abstol ag ùrnuigh ri Dia as leth nan Tesalonianach “gu ’n coimhlionadh” e “annta agus dhoibh” uile dheagh-ghean a mhaitheis agus obair a’ chreidimh le cumhachd. Aig cuid a dh’ amaibh ’n uair a ta cùnntas againn air aobhar a’ chreidimh tha rabhadh air a thoirt duinn air eagal gu ’n cuir sinn as ar leth féin e. “Oir is ann le gràs a ta sibh air bhur tearnadh, tre chreidimh: agus sin cha ’n ann uaibh féin; is e tiodhlac Dhé e. Cha ’n ann o oibribh chum nach deanadh neach air bith uaill: Oir is sinne ’obair-san air ar cruthachadh ann an Iosa Criosd chum dheadh oibre, air son an d’ ulluich Dia roimh-laimh sinn chum gu ’n gluaiseamaid annta” (Eph. ii. 8-10). Air chor is gur h-iad araon creideamh agus deadh oibribh obair Dhé; a ta iad araon feumail, ach an dara aon mar thoradh agus bhuaidh an aoin eile. Gheibh sinn e mar an ceudna air a chur as leth deadh ghean àrd-uachdaranail Dhé gu ’m beil cuid aig am beil tomhas ni’s mò de chreideamh na cuid eile “a réir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh” (Rom. xii. 3). Tha an t-abstol ag innseadh dhuinn “Gu ’n thiodhlaiceadh do dhream àraidh cha ’n e mhàin creidsinn ann an Criosd, ach mar an ceudna fulang air a shon.” Chì sinn air an aobhar sin gu dé cho cumanta ’s a ta e’ bhi ’labhairt air creideamh mar thiodhlac Dhé. ’Nuair nach ’eil an Sgriobtur a’ labhairt air mar thiodhlac maitheis Dhé, feudaidh sinn a bhi cinnteach gu ’m beil e ’labhairt air mar thoradh a chumhachd neo-chrìochnaich agus a ghàirdean sìnte mach. ’S e creideamh mar thoradh cumhachd agus buaidh gàirdean Dhé a ta air a chiallachadh le tarruing an Athar air peacaich a dh’ ionnsuidh a Mhic. Tha Fàidh agus Ard-Abstol na h-eaglais e féin ag ràdh “cha ’n urrainn neach air bith teachd a m’ ionnsuidh-sa mur tarruing an t-Athair a chuir uaith mise e.” A rìs, “Uime sin gach neach a chuala agus a dh’ fhòghluim o’n Athair, thig e a m’ ionnsuidh-sa” (Eòin vi. 44-45). ’S e aithreachas mar an ceudna obair agus tiodhlac Dhé. Tha ’n earrann de ’n Sgriobtur a chuir sinn aig toiseach a’ phaipeir so ’n a dhearbhachd ro-shoilleir, fhreagarrach agus làidir innte féin air fìrinn na cùise air a’ phuinc so. “Thug Dia mar an ceudna do na Cinnich aithreachas chum na beatha.” ’S e aon do gheallanna araidh Dhé ’n a choimhcheangal gu ’n toir e air falbh an cridhe cloiche ás am feòil agus gu ’n toir e dhoibh cridhe feòla. Ann an Sgriotuirean eile tha aithreachas air a chumail a mach mar ard chrìoch no bhuaidh aiseirigh Iosa Criosd o na mairbh. Tha e ’n a Phrionnsa agus ’n a Shlanuighear air ’àrdachadh le deas làimh Dhé a thoirt aithreachais agus maitheanais pheacanna do Israel. Agus ’n uair a chuala an eaglais mar a chì sinn ’s a’ chomh-theagasg gu ’n do phill na Cinnich gu Dia, ’s e Dia féin a ta iad a’ glòrachadh mar aobhar agus ùghdair a’ chaochlaidh bheannuichte ’thàinig orra. Cha ’n ’eil iad idir a’ moladh nan Cinneach mar dhaoine glice faicilleach agus a thug ùmhlachd do ’n fhocal ann a bhi ’pilleadh uaithe gu Dia: ach ’s ann a tha iad air an lìonadh le iongantas ri cumhachd agus maitheas neo-chrìochnach Dhé ann a bhi a’ toirt dhoibh aithreachais a chum na beatha. Agus ’n uair a ta Pol a’ teagasg Thimoteuis coinnus ’bu chòir dha e féin a ghiùlan gu macanta a thaobh na muinntir a bha ’seasamh ’n a aghaidh, tha e ’toirt seachad mar aobhar, [TD 5] “Dh’ fheuchainn an toir Dia uair air bith aithreachas dhoibh, chum aidmheil na fìrinn” gu bhi ’teagasg dhuinne ’n uair a ghnàthaicheas sinn na h-uile meadhona a thug Dia dhuinn chum amharc ri Dia féin agus ris-san a mhàin air son beannachd air na meadhona sin. EACHUNN CAMARON. (Ri leantuinn) AN RIGVEDA. THA’M focal Veda a’ ciallachadh eòlais: ’Se so an t-ainm a ta na Bràmanaich Hindùach a’ toirt, cha ’n ann do aon leabhar, ach do àireamh leabhraichean aosda air an tional gu ’bhi ’deanamh suas a’ chomh-chruinneachaidh ris an abair iad féin na sgrìobhaidhean naomha, no an litireachd Vedach. Gheibh sinn freumh an fhocail Ghàilig oideas, an fhocail Ghréigeis oida, agus an fhocail Bheurla wit, anns an fhocal Sanscrit Veda—oilean, no fòghlum. Tha na sgrìobhaidhean Vedach air an roinn ’n an ceithir earrannaibh fo na h-ainmibh a leanas, 1. Chandos, 2. Bràhmána, 3. Màntra, 4. Sùtra. Tha e soilleir gu leòir o eachdraidh fharsuinn agus rannsachail gu ’n robh an earrann mu dheireadh, ’s e sin an Sùtra, ann am bith a chuid a’s lugha sè ceud bliadhna roimh theachd Chriosd. ’Si barail is breith aon-sgeulach luchd-sgrùdaidh sheann eachdraidhean gu’n robh an tional so de leabraichibh Vedach air a dheanamh faisg air mìle bliadhna roimh ’n aois Chrìosduidh. Ma tha so uile fìor cha’n ’eil e idir duilich r’ a thuigsinn gu’m bheil sgrìobhaidhean aig na Hindùich co dhiubh, cho aosda ri leabhraichibh Mhaois, agus ma tha’n ceithreamh cuibhrionn no linn co seann a so, ciod e idir aois na ceud linne. Feudar a ràdh le tèaruinteachd gu’n toir a ’cheud earrann de ’n linn Vedach d’ an goirear Chandos dùlan air son aosdachd do eachdraidh ’s am bith, naomh no mi-naomh. ’S ann do ’n linn so a bhuineas an Rigveda, leabhar mòr bàrdachd, anns am bheil mìle dàn, cuid dhiubh fada, agus cuid dhiubh goirid, air a roinn ’n a dheich leabhraichibh beaga, cosmhuil ri Pàras Caillte Mhiltoin. Mur ’eil bàrdachd an Rigveda mi’s sine na bàrdachd Mhaois agus Ioib, tha i gu cinnteach ceudan bliadhna ni’s sine na dàin Homair is Osein, mòran ni’s aosmhoire na duanachd no fileachd ’s am bith eile air am bheil eachdraidh a’ toirt cùnntais, no a’ deanamh iomraidh. Ann an linnibh dorcha na h-aimsir a chaidh seachad dh’ ionnsuidh nach treòraich lòchran eachdraidh sinn, ’s e ’n t-aon ghath soluis neo-mhearachdach sgrùdaidh a ta againn gné, co-shuidheachadh, dealbh, agus dàimh fhreumhail chanainean. ’S e ’n samhlachas agus an ionannachd a ta ri ’m faotainn ann am freumh-fhoclaibh is am bun-lididhibh chànainean a’ phrìomh-bhunait a réir am bheil uile chinnich an domhain air an roinn ’n an trì treubhaibh (1) an treubh Shèmach, (2) an treubh Airianach, no Indo-Eòrpach, (3) an treubh Turainianach. Tha ’n Rigved air a sgrìobhadh ’s an t-Sanscrit, prìomh chànain a’ chinnich Airianaich gu léir, agus o na gathaibh soluis a ta a’ briseadh a mach o bhun-fhoclaibh na cainnte so, tha e comasach duinn breithneachadh air àm o chian anns an do thuinich fo chromadh na h-aon fhàrdaich gu bràthaireil teò-chridheach, an Gàidheal, an Greugach, an Ròmhanach, am Persianach, an Hindùach agus gach fine eile a ta ’deanamh suas na tréibh Indo-Eòrpaich. Bha ’n fhine so tur dealaichte ann an cànain is ann an cleachdadh o na fineachaibh Shemach agus Turainianach. Tha e soilleir agus dearbhta o ainmibh bheanntan is ghleanntan, aimhnichean is fhairgeachan, gur h-e ’n Gàidheal an ceud neach a dh’ fhàg an teaghlach Airianach, gus a thurus a ghabhail troimh ’n Aisia dh’ ionnsuidh na Roinn-Eòrpa—tàmh-àit òbanach, ùigeach, ìnnseagach nan Gàidheal dhùthchasach gus an là ’n diugh. Tha smuain an cridhe, gnìomh an làimh, agus ceum an coise glé-fhurasda an lorgachadh a mach air fad agus leud aghaidh ghrianaich, mhaisich na h-Eòrpa. Cha do lean a bhràthair Hindùach an Gàidheal; an àite e thoirt oidheirp air a bhràthair a leantuinn ’s ann a thionndaidh e a chùl-thaobh air, agus ghabh e a thurus thar nam beanntan mòra àrda Himàlàiach dh’ ionnsuidh mhachraichean agus ghleanntan torach farsuinn nan Innsean. ’Sann a shaoileas sinn an uair a rinn an Hindùach dha féin dachaidh air bruachaibh òirdheirc na Gaingeis gu ’n do dhruid na beanntan mòra Himàlàiach air an taobh tuath an geatan, agus gu’n do rinn an cuan Innseanach air an taobh deas faire, air eagal ’s gu’n tigeadh aon d’ a bhràithribh a chur clisgidh no gluasaid air doimhneachd breithneachaidh inntinn shàmhaich agus chràbhaich. A measg ghleachda mòr smuainteachaidh, a’ sealbhachadh seasgaireachd cuirp is anma, dhearc an Hindúach le sùil féin-fhiosrachd air stéidh-bhuadhaibh agus air cumhachdaibh spioradail is modhannail a nàduir agus mar so le mion-cheasnachadh air féin fhuair e ann an ionadaibh dìomhair ’anma, a reusain a choguis agus a thoile, freumh, bith, agus neart oibreachaidh nan comasan reusanta sin a ta ’dùsgadh anns an [TD 6] tuigse gu ’bhi ’cur an céill do gach anam ug ’m bheil e neo-bhàsmhor, agus cùnntasach, gu ’m bheil e sgeudaichte le coguis mhodhannail a ta ag éigheach ris, seachain an t-olc agus dean am maith—coguis a ta mar bhreitheamh ’n a suidhe ann an cùirt an anma, ’n a fianuis air gu ’m bheil bith agus ùghdarras aice-se o Bhreitheamh neo-fhaicsinneach agus naomh a bheir breith cheart an taobh thall do ’n bhàs. Tha na nithe so a’ brosnachadh a’ chreutair gu modh-aoraidh air chor-éiginn a chur air chois a chosnadh fàbhair a Dhé. Anns an t-suidheachadh so tha e air aithris gu ’n do dhòirt an inntinn Hindùadh a mach a cnuasachd chràbhach ann am bàrdachd naoimh agus dhiadhaidh, air a deachdadh leis an aon Ard Dhia, no Spiorad, ris an abair an Hindùach Bràhm. ’S beachd creidmheach, dìongmhalta, neo-ghluasadach an t-sluaigh so, gur h-e taisbeanadh o Bhràhm a ta ’s na sgrìobhaidhibh Vedach gu h-iomlan, agus gur h-e an Rigved an ceud taisbeanadh ’s am bheil toil is inntinn Dhé air am foillseachadh do ’n chreutair. Feudaidh sinn beagan aobharan ainmeachadh air son am bheil e iomchuidh dhuinn ann an cuid eòlas a bhi againn air an litireachd Vedach, agus gu sònruichte air an Rigveda. Gu ’bhi a’ gabhail seachad air leabhraichibh Mhaois; tha e cinnteach gur h-e an Rigved an leabhar a ’s sine air an t-saoghal. Cosmhuil ris a’ chloich ghranait a ta mar chnàimh-droma is mar aisnibh do’n chruthachadh neo-reusanta, mar sin tha ’n Rigveda do ’n chruthachadh mhodhannail, reusanta Hindùach. ’S e so a’ chlach-stéidh, a’ cheud sreath dhe ’bhreithneachaidhibh ann an saoghal na h-inntinn agus nan smuain—a’ cheud duilleag de eachdraidh cleachdaidh agus oibreachaidh bhuadhan an anma. Air an Rigveda tha mìltean de mhìltibh d’ ar co-chreutairibh a’ leigeadh taice an anma air son tìm agus sìorruidheachd. Cha ruig sinn ach gann air a thuigsinn an cumhachd agus a’ bhuaidh a bha, is a ta, aig an leabhar so air a bhi ’toirt gluasaid, cumaidh, agus slighe cleachdaidh do dhealbh-inntinn ’s do cheud-thograidh nàduir nan Hindùach a ta ’n an sluagh thar tomhais cràbhach agus feallsanach. Gheibh sinn ’s na sgrìobhaidhibh Vedach gu simplidh air am foillseachadh ceud ionndrain agus phlosgartaich a’ chridhe an geall air aon Dia beò agus fìor. Ged a ta e cianail r’ a thoirt fainear gu ’n robh Dia—sgiath agus duais ro-mhòr Abraim—’n a Dhia neo-aithnichte do mhuillionaibh de mhuillionaibh Hindùach fad mìltean de bhlidhnachaibh. Tha e ’n a ni dearbhta o eòlas mionaideach air creudaibh ’s air gliocas feallsanachd nan Indo-Eòrpach, co-bhràithrean nan Hindùach, gur h-ann an creud is an cràbhadh sluaigh a ta am fìor eachdraidh r’ a faotainn. Ma tha cràbhadh no diadhachd nàdurra r’ a faicsinn ’s r’ a tuigsinn ’n a simplidheachd ’s e an Rigveda an t-aon leabhar ’s an urrainn duinn a’ phuinc a lorgachadh a mach air dòigh a bhitheas ann an tomhas taitneach agus riarachail do neach ’s am bith nach ’eil fo bhuaidh inntinn eucoraich agus claon-bhreitheich. B’i a’ chreud Iùdhach an t-aon chladhan fìor-ghlan, ach cumhann, ’s an robh diadhachd fhìor a’ ruith roimh theachd Chriosd; gidheadh ’n a dhéigh sin, sgaoil cumhachd an t-soisgeil a mach mar abhainn mhòir, a ’cur tuile neartmhoir thar a bruachan a chum taiseachaidh agus beatha-fàis a thoirt do ’n fhearann chruaidh agus neo-thorach. Tha creudan agus feallsanachd Phàganach air uairibh a’ cabhsaireachadh slighe air son a’ chreidimh Chrìosduidh, do bhrigh nach d’ fhuair fine air bith fathast a mach tre ghliocas no fheallsanachd ni a b’ urrainn riarachadh iomlan a thoirt do iarrtuisibh an anma neo-bhàsmhoir. Mar so tha e taitneach eòlas fhaotainn air Vedachd, Hindùachd, agus Bùdachd nan Innseanach, gu ’bhi a’ faicinn annta cruaidh-spàirn dhaoine ’n an oidhirpibh co-chuideachail linn an déigh linn ann a bhi a’ fuasgladh cheisdean dìomhair, domhain agus do-rannsachaidh an t-saoghail fhaicsinnich agus neo-fhaicsinnich. Tha againn mar an ceudna r’ a thoirt fainear gliocas agus riaghladh modhannail is freasdalach an Tì sin a ta aig an àm so ag ullachadh agus a’ treòireachadh na h-inntinn Hindùich o ’bhi ’cladhach thobar eu-dìonach nach cum uisge, gus am falamhachadh deth gach féin-dòchas agus féin-iarraidh, gu ’bhi ag iarraidh agus a’ gabhail ri ’Chriosd neach is e cumhachd Dhé agus gliocas Dhé. IAIN S. MACNEILL. (Ri leantuinn.) COMHAIRLE CHARSUEIL D’A MHAC. Latha do bhitheamar gu mear, uaibhreach, A mhacaidh ud a’ s guirme sùil: Aon fhocal air leas an anama, Gur seirbhe ’bhlas na’m feàrn ùr. Iain a’bhaile so shuas, Gur truagh nach tuigeadh tu ’m bàs: Nach faic thu fear na h-uaille shìos, ’S am feur uaine trìd roi’ ’fàs. [TD 7] Ge mòr leat do ghiudhrain mhuc, ’S do bhuaile bhuar bhallach bhreac; Uighir an ubhail ge beag, Cha téid do’n uaigh chumhain leat. A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal; ’M faic thu ’n t-eug, thugad ’na ruith: Ionnans ’bhi air bhòrd na h-uaighe, Ged bu tu ’bu bhuain’ air bith. ’N uair bheirear uait an ceann-aghairt, ’S a théid air fradharc do shūl; Cuiridh iad thu sìnt air mhaidibh, ’S cha ’n ann air leabaidh do’n chlōith. Cuiridh iad thu ’n cistidh chumhain, Aon bhrat lìn do bhi mu d’ chorp: Druim do thighe ri cuinnein do shròine, ’S cumhan an teach chòmhnuidh dhuit. Trì slatan do dh’ anart margaidh, Théid mu d’ chorp ’s gur beag a phrìs: ’S bidh do chàirdean ’s do luchd comuinn, ’Ga ghearradh mu d’ bhonnaibh shìos. Togaidh iad thu ’n darna-mhàireach, Sluagh mu seach a’ dol fuidh d’ chorp; Ghille, ge mòr leat do mhire, Nithear cluich na Cille ort. Carbad beag, nach bi do shāth, Bheir iad thu gu beul an t-sluic; Lamh na tì ’bu chaomh’ air uairean, Uir gu tiugh ’ga sluaistreadh ort. Bheir iad thu gu beul na h-uaighe, Gun neart, gun fhradharc, gun lūths; Do chàirdean a’ d’ dhéidh gu brònach, ’S fàgar shìos a’ d’ ònrachd thu. A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal, ’M faic thu ’n t-eug, thugad ’na ruith; Ionnans ’bhi air bhòrd na h-uaighe, Ged bu tu ’bu bhuain’ air bith. AN T-URRAMACH RAIBEART FIUNLASON. RUGADH RAIBEART FIUNLASON ’s a’ bhliadhna 1793, ann an Clyth, ann an Sgìr Lathuirn, ann an Siorramachd Ghallaibh. Mhothaich e o ’oìge ni éigin coslach ri strì an Spioraid, a ghluais e gu bhi ’g ùruigh agus a’ leughadh nan Sgriobtuirean; ach cha do mhair an geur mhothachadh sin fada; bha a mhaitheas mar neul maidne agus an drùchd moch, a shiùbhlas air falbh. O laithean ’oige bha miann aige a bhi ’na Mhinisteir; bn tric a rachadh e mach air feadh nan achuidhean ’na aonar agus ’n uair a thuiteadh e air sloc no gleann uaigneach, thoisicheadh e air searmonachadh ri coimhthional a ghairm a mhac-meamna beothail fhéin cuideachd ann an priobadh na sùla; thoisischadh e le bhi ’g ainmeachadh stéidh an teagaisg; roinneadh e an earrann, ’s cho-chuireadh e an teagasg gu deasbhriathrach, gu sgriobturail, agus gu soisgeulach, agus aig a’ cheart am a’ sileadh nan deur gu frasach. Chual e an Soisgeul o bheul an Dr. Dhòmhnullaich ’n uair a bha e ’n a mhinisteir ann an Berra-dhail. Theagaisg e car treis sgoil an t-Strath-mhòir, agus an déigh an ullachaidh ghnàthaichte, chaidh e gu Ard-oil-thigh an Rìgh, ann an Abereadhain, agus nochd an t-olla Iain Tulloch gu sònraichte caoimhneas nach bu bheag dha. Fhuair e mòr fheum o bhi ’g éisdeachd an Olla Kidd, agus a bhi ’leughadh leabhraichean an Urramaich Seumas Harvey. Bha leabhraichean an Diadhair so ni ’bu taitniche dha na leabhar duine eile, do bhrìgh gu ’n robh an teagasg air an robh e feumach air a chur ann an cainnt, agus ann an samhla ’bha freagarrach dha, agus bha an co-chòrdadh a bha eadar inntinn an Ughdair, agus Mhr F. ’n a mheadhon air an tarruing faisg air a chéile, agus fòghlumach toileach a dheanamh do Mhr. Fiunlason aig casan Mhr. Harvey. Bha dearbh-shoillearachd ro dhrùighteach aige mu pheacadh—gidheadh bha e smuainteachadh nach robh a mhothuchadh domhain gu leòir, ’s nach robh e measg an t-seòrsa pheacach a bha air an cuireadh gu Criosd, ach ann am meadhon an tiugh dhorachdais so, ’s e làn imcheist, ’s fagus air toirt thairis ann an eu-dòchas, mhothaich e ni éigin coslach ri cumhachd neo-ghnàthaichte ’g a chur thuige gu bhi ’creidsinn; agus argumaidean gràsmhor o ’n t-soisgeul ag aomadh anam a dh’ ionnsuidh na Slàinte Mhòir, air an ro eòlas cho neo-iomlan aige roimhe sin. Air dha bhi an ùine ghnàthaichte ri Cànainean, agus Feallsanachd ’s an Oil-thigh, chaidh e do Thalla-na-Diadhachd, far an ro e air a theagasg le Dr. Mearns, agus le Dr. Brown. Bha e ’n a fhòghlumach cogaiseach, agus dìchiollach, bha e ro dhéidheil air buannachd fhaotain o gach Ard-fhear-teagaisg ’s an Oil-thigh, agus bha a theachd air aghart follaiseach do na h-uile da ’m b’ aithne e. Fhuair Mr. F. cead searmonachaidh o Sheanaireachd Ghallaibh ’s a’ bhliadhna 1826; an ceann mìos shearmonaich e ann an Eaglais [TD 8] Ghàilig Abereadhain, far an do bhuanaich e tri bliadhna do choimhthional mòr, gun traoghadh fad na h-ùine, agus thàinig mòran do chùram anama r’ a lìnn. Fhuair e an sinn litir o ’n Bhan-Uachdaran uasail ainmeil Mrs. Stuart M‘Kenzie a’ tairgse dha Eaglais a’ Chnuic. Tha ’n t-Eilean Leòghasach an comain teaghlach uasal Sheaforth fo làimh an Tighearna airson Mhinistirean, agus airson beò-dhiadhachd a bha, agus a tha fathast ann. Cha robh e ach da bhliadhna s’ a’ Chnoc ’n uair a chaidh a shuidheachadh ann an sgìr nan Loch, agus thòisich e air saothaireachadh ’s an àite so ann an lànachd a neirt, ’s cha b’ ann gu dìomhain a chaith e a là a measg an t-sluaigh. Shearmonaich e trì uairean gach sàbaid, agus cheasnaich e an sgìr gach bliadhna, agus b’ e sin an sàr cheasnachadh; thubhairt cuid gu ’m faireacheadh iad mu sguireadh e, mar gu ’m bitheadh “Ciod is crìoch àraid do ’n duine”? a’ ruith anns gach fèith, agus a’ bualadh anns gach boinne fola a bha ’n an cuirp. Bha Eaglais nan Loch fad cùig bliadhna fichead mar “Thigh an Eadar-Theangair” air a tadhaich le luch-turuis do ’n Bhaile-Nèamhuidh, far an robh dealbhan air an crochadh mu ’n cuairt anns gach seòmar, agus samhlaidhean dìomhair air an gearradh anns gach ùrlar, ’s gach dealbh agus coslas mar iuchair airson bhi ’fosgladh fìrinn spioradail éigin. Dh’ aom inntinn e gu bhi ’mìneachadh shamhlaidhean an t-Seann Tiomnaidh ann an solus an Tiomnaidh Nuaidh; gu cinnteach an dòigh theagaisg a ’s tarbhaiche de a’ h-uile dòigh. Bha e àrd-fhlathail ’n a chumadh, làn do aon-fhillteachd ghràdhaich; bha ’fhalt donn;—’s a ghnùis soilleir;—bha sùil shèamh ’n a cheann, a bha gu tric air a còmhdachadh le deòir;—agus a ghuth car domhain an toiseach, ach ’n uair a bhlàthaicheadh e, dh’ fhàsadh e binn mar an t-airgiod;—agus bha fèith-ghàire gu tric air aodann. Bha eòlas farsuinn aige air eachdruidh gach Eaglais, gu h-àraidh air an Eaglais anns an robh e ’n a Mhinisteir. Bha ’n duine urramach diadhaidh so gu goirt air a dhearbhadh ’s a’ bhliadhna 1849, bhàthadh an dithis mhac ’bu shine do ’n teaghlach cuideachd anns an loch dlù do ’n tigh; air dha am faicinn ’s a’ chiste-mhairbh, thog e suas a shùilean agus a làmhan, agus thubhairt e dà uair—“Gu ’n robh t’ Ainm mòr air a ghlòrachadh”—so mar a ghabh e ri smachdachadh an Tighearn. Fhuair e gairm o Eaglais Shaoir Bhun-’illidh ’s a’ bhliadhna 1856, ris an do dhùin e, agus an sin bha e cho pailt ann an saothair ’s a’ b’ àbhaist dha, an da chuid aig an tigh, agus o ’n tigh. ’N uair nach bitheadh e a’ teagasg gu follaiseach, bhitheadh e a’ meòrachadh air an fhocal, agus a’ tagradh ’s an uaigneas. Is minic a chuala buill a theaghlaich e ’g ràdh leis féin, agus ris féin. “Mo Shlànuighear gràdhach.” “Mo Chriosd, mo Rìgh, m’ uile;” agus ’n uair a bha saorsa shònruichte aige, theireadh e, “Nach mi a tha fo fhiachan do shaor ghràs!” Is e a cho-chomunn dlù ris an Athair, agus r’a Mhac Iosa Criosd a rinn a bheatha cho sona, agus a dhleasannais cho taitneach dha. Tha Mr. Fiunlason air adhlachadh ann an cladh Bhun-’illidh, agus tha cuspair-cuimhneachain eireachdail air a chur suas aig an uaigh, air am bheil na briathran a leanas mar Sgriobhadh Cuimhneachain:—“An so tha ’gabhail fois, na bha bàsmhor do ’n Urramach Raibeart Fiunlason; a bha cùig bliadhna ’n a Mhinisteir do ’n Eaglais Shaoir ann am Bun-’illidh; a bhàsaich air an treas-là-fichead do mhìos ma dheireadh an t-samhraidh 1861, air dha bhi trì-fichead bliadhna agus a seachd a dh’ aois. Shaothraich e ’s a’ Mhinistrealachd cùig bliadhna deug thar-fhichead. Bha meas air, air son a thàlanna, ’s air son ’fhògluim. “Bha a chliù air a deanamh suas de chreideamh, de dhòcas, agus de ghràdh, le tomhas neo-ghnàthaichte do ’n inntinn nèamhuidh. Rinn a shaothair gun sgur a bha cho làn de ’n ùngadh nèamhuidh, ’s do dhrùighteachd, a dhlùth-cheangal ri daoine diadhaidh anns gach àite d ’an deachaidh e. Agus ghlac e aire an t-sluaigh neo-chùramaich, ’s thàinig mòran diubh gu bhi ’g a mheas mar an athair spioradail ann an Iosa Criosd. Mar a bha e beò mar sin bhàsaich e, ann am beò-dhòchas na beatha maireannaich. “Cuidich leam a Thighearn, oir cha ’n ’eil duine diadhaidh ann.” I. MAC-A-PHEARSOIN. IERUSALEM RO OIRDHEARC. (Jerusalem the Golden.) ’Ierusaleim ro òirdhearc, Làn bainne, ’s mil gun dìth, Do mhaise ’luaidh no ’smuaineach, Cha ’n urrainn beul no crìdh’! An t-àgh ’tha ’n sin ’g ar feathamh, Cha ’n fhios domh, O! cha ’n fhios Ciod loinneireachd na glòire, Is sòlas ’dol thar meas! [TD 9] Ro ait tha cùirtean Shìoin Le cliù ’s le òrain bhinn’; An sin tha sluagh nam martrach, Is aingle dealrach, grinn’. Tha ’m Prionns’ an sin a’ tàmhach’; Tha ’n solus-là bith-bhuan; Na naoimh, tha ’mealtainn àilleachd Is fàile glan nan cluan. An sin tha cathair Dhaibhidh; ’S o chùram, saor, ’s o chlaoidh Cluinn òrain àrd’ nan aoidhean, Is caithream-bhuaidh nan saoidh. ’S an dream ’thug buaidh gu treubhach, Le ceannard treun nam feachd, Tha sgeadaichte gu sìorrruidh Le trusgain gheal’ mar shneachd. O! ’n dùthaich àillidh bheannaicht’, Is dachaidh bhuan nan naomh! O! ’n dùthaich àillidh, bheannaicht’, Is miann gach cridhe caomh! ’Ios’ a’d’ thròcair stiùir sinn Gu tàmh ’s gu fois ’s an tìr; ’S bidh cliù do ’n Mhac, ’s do ’n Athair, ’S do ’n Spiorad Naomh gu sìor. IAIN MAC ’ILLEBHAIN. GLEACHD AN T-SEANN DUIN’ IS AN DUIN’ OIG. Tha duin’ òg is seann duin’ agam, Tha duin’ òg is seann duin’ agam; Nach robh’n seann duin’ air mo chùlthaobh; ’S an duin’ òg ni’s mùirnich agam. Seann duin’ mi o leasradh Adhaimh O’n do shìolaich mi thaobh nàduir, Ach duin’ òg tre Léigh na slàinte ’Shaor o’n bhàs mi tre ghràs naisgte. Nach robh n’ seann duine ’na ghràin domh ’S an duin’ òg ’n a ghràdh ni’s faisge. Rinn an seann duine daor-thràill dhiom Thug mi ’m braigdeanas do Shàtan, ’S e’n duin’ òg a shaor o ’mhàig mi Dh’ionnsuidh slàint’ o phlàigh a’ pheacaidh. Leag an seann duin’ anns an ùir mi ’Se‘n duin‘ òg a dhùisg a mach mi. ’N uair thàinig an t-òg a m’ ionnsaidh Fhuair e’n seann duine ’n a dhùsal, ’S a’ cheud fhàilte a rinn e dhùsgadh Sud fo lùirich bheireadh braidean. Chaidh an seann duine fo lùirich ’S e’n duin’ ùr a rùisg am brat dheth. Air a bhonn do chaidh an còmhrag ’Tarruing lann ro ghleusd’ air gheòiread, Fhuair an seann duin’ buille-leònaidh Nach cuir e r’a bheò as altaibh. Chaidh an seann duin’ a gheur chiùrradh Sheas an t-òg a chùis mar ghaisgeach. Riamh o sin cha’n fheud iad còrdadh ’N réite cha’n imich iad còmhla, ’S cha’n àraichear le aon sògh iad ’S iad an còmhnuidh a’ co-ghleachdadh. Ach tha’n seann duine cho brùideil ’S an duin’ òg cho cliùiteach tlachdmhor. Dithis iad nach còrd an càraid Ged tha’n còmhnuidh ’s an aon àros, Gu leagar a nuas am pàilliun Anns ’n d’ ghabh iad tàmh mar chaisteal, ’N seann duine gu carach lùbach ’S an duin’ ùr ’toirt cùis gach gleachd dheth. Cha dean iad imeachd mar chàirdean Ged shaoilte gum b’iad na bràithrean, Bhi co-chòrdadh an aon nàdur An taobhsa do’n bhàs cha tachair. ’N seann duin’ làn do chàil na bréine ‘S an duin’ òg ’na bheus cho maiseach. ’S e’n seann duine neach a’s gòraich’, Ach ’se Aosd’ nan làithean m’òig-fhear Rìoghaich an seann duine an tòs orm, ’S bheir an t-òig-fhear ’na stòl-chas e. ’Seann duine ’s a lùs ’ga fhàgail ’S an duin’ òg a’ fas ni’s neartmhoir. ’S e’n seann duine leam is annsa Ach ’s e cusbair m’fhuath is m’anntlachd, ’S mi do’n òig-fhear am bith nàimhdeis Ged ’s e m’annsachd e ’s mo chaidreamh. Seann duine ’n a ghalair bàis domh ’S an duin’ òg le’ghràs ’g am altrum. Tha mi bàithte an cluain an t-seann duin’, Fo gheur fhuar-dhealt ’s fuachd a’ gheamhraidh Thig an t-òg ’n a ghlòir gu ’theampull Chuireas mi dhanns’ àir mo chasaibh. ’S e’n seann duin’ a chuir fo neòil mi ’Se duin’ òg mo lòchran laiste. (Ri leantuinn.) [TD 10] ORAN-FAIRE NA BRATAICH. BRATACH NA FIRINN togaidh suas A chum le fuaim gu’n crathadh i; ’S gu’n cuir i mùiseag air na daoin’ ’Tha ’dol a thaobh le seacharan; Mar lòchran lasrach a’ toirt soills’, Duibhr’ na h-oidhche sgapaidh i, Leigidh i ris an t-slìgh’ gu truaigh ’S an t-slìgh’ gu suaimhneas fhlaitheanais. Na Gàidheil seasadh an guaill’ a chéil’ Gu làidir treun fo ’n Bhrataich so, Le boineid sgrogt’ os ceann gach sùil Is claidheamh rùisgt’ an tarruing ac’, Gu dian a’ cogadh ris an Diabh’l ’S am Beathach Fiadh’ch, an t-Anacriosd, ’S an claidheamh gun a chur ’n a thruaill ’S am bi ’n a uaimh e ceangailte. GILLEASB’ MACFHEARCHAIR. AN IERUSALEM NUADH. O mhàthair chaomh, Ierusalem! A d’ ionnsuidh c’ uin ’thig mi? O c’ uin a chrìochnaichear mo bhròn? Is t’ aoibhneas c’ uin a chi? O thìr ’tha taitneach sòlasach! O chala ait nan saoi! Cha ’n fhaighear bròn am feasd a’ d’ chòir, No cùram, saoth’r, no caoidh. Cha ’n fhaighear tinneas annad féin, No creuchd air bith no leòn; ’S cha ’n fhaighear bàs no sealladh grànd’; Ach beatha ghnàth a’ d’ chòir. Neul dorch cha chuir ort sgàil’ a chaoidh, Is oidhch’ cha bhi ni ’s mò; Ach dealraichidh gach neach mar ghréin, An solus Dhé na glòir’. Cha ’n ’eil innt’ sannt no ana-miann, No farmad fòs, no strì; Cha ’n ’eil innt’ ocras, tart, no teas, Ach taitneasan gun dìth. Ierusalem! Ierusalem! Mo mhiann bhi annad shuas! O b’ fheàrr gu ’n crìochnaicheadh mo bhròn, ’S gu ’m faicinn t’ aoibhneas buan! Cha ’n ’eil innt’ guin no cràdh, no pian, No fiamh, no deòiridh truagh; ’S cha chluinnear osna innt’, no éigh, Is teinn cha léir a sluagh. ’N Ierusalem, am baile naomh, Tha Dia, ar Rìgh, a’ tàmh; ’S tha ’n t-Uan e féin, mar sholus di, ’N a chaithir-rìgh a ghnàth. O Dhé! mo mhiann Ierusalem Gun dàil gu ’m faicinn féin! Oir tha i làn do shòlasaibh Nach eòl domh chur an céill. ’S ro-shoilleir ’tùir ’s a binnein àrd’, Le deàrsadh mhòran leug, Le Iasper, crisolit, ’s gach clach, A ’s taitniche na chéil’. Do thighean tha do ìbhori, ’S gach uinneag ’s gloine ghrinn, Do shràidean ’s òr ro-fhìnealta— ’S ta ainglean annt’ a’ seinn. Tha d’ bhallachan do chlachaibh taght’, Do dhaingnich ’s daoimean geàrrt’, Do gheatachan is neamhnuidean— Mo mhiann bhi ’n sud gu h-àrd! Ni neoghlan grànd’ cha tig gu bràth A steach troimh d’ gheataibh féin; Lìn dhamhan-allaidh cha bhi ann, No smal, no salchar breun. Iehobhah Dhé, thig ’s crìochnaich féin, Mo bhròn gu léir, ’s mo chaoidh; Thoir leat mi do Ierasalem, Gu bhi gu bràth le d’ naoimh, ’Tha crùint’ an sud le glòir ro-mhòir, A’ faicinn aghaidh Dhé; Ri caithream àrd is aoibhneas sìor— ’S ro-shona iad gu léir. Ach sinne, ’tha ’n ar fògaraich, Tha ’n còmhnuidh brònach truagh; Ag osnaich, caoidh, ’s a’ sileadh dheur, ’S a ghnàth ri gearan cruaidh. [TD 11] Ar milseachd measgaicht’ tha le seirbh’, Ar taitneis ciod ach pian? Is fada buan ar làithean bròin, ’S ar n-aoibhneas ’s beag a’s fiach. Ach tha ’n toil-inntinn shuas cho mòr, ’S an sòlasan gach ré, ’S nach measar leo-san mìle bliadhn’, Ach mar an là an dé. Mo dhachaidh chaomh, Ierusalem! C’ uin ’chi mi t’ aoibhneas mòr? ’S do Rìgh ’n a shuidh’ ’n a chaithir shuas, Do shonas buan, ’s do ghlòir? Do liosan-ubhal ’s d’ fhìon-liosan, A ’s iongantaiche cliù, Tha làn do thoradh do gach gnè, A ’s taitniche do ’n t-sùil. Do ghàraidhean le ’n ròidibh réidh’, Tha ùrar uain’ a ghnàth; ’S tha luibhean taitneach cùbhradh annt’, ’Tha fàs an sud a mhàin. Tha canal agus siùcar fàs, Is ioma ìocshlaint’ annt’; Gach àdh ’tha ’n sud cha smuainich crì, ’S cha chuir an teangaidh ’n càinnt. Tha ’n deoch ’s am biadh a ’s mils’ an sud— Tha ’n ceòl ann binn a ghnàth; ’S tha ioma ni ’tha dreachmhor grinn, Fo ’n cosaibh air an làr. Le fuaim ro-chaoin tha ’n amhainn bheò A’ sruthadh feadh gach sràid; ’S mu ’bruachaibh glasa air gach taobh, Tha craobhan beatha fàs. Na craobhans’ toradh bheir gach mìos, Is fàsaidh iad gach ré; ’S bheir uile shlòigh an domhain mhòir, Dhuit féin an glòir gu léir. Ierusalem, àit-còmhnuidh Dhé, Gu ’m faicinn ’s e mo mhiann: O b’ fheàrr gu ’n crìochnaicheadh mo chràdh, ’S gu ’n tàmhainn innt’ gu sìor! Tha Daibhidh ’n sud le ’chruit ’n a làimh, Air ceann na coisir-chiùil; ’S bu shona ’neach le ’n cluinnt’ a cheòl, ’S e ’n còmhnuidh seinn le lùth. Tha Màiri ann seinn moladh Dhé, Le fuinn a tha ro-bhinn; ’S na h-òighean eile an co-ghleus, N’a cois gu léir a’ seinn. Laoidh-mholaidh Dhé tha Ambros seinn, Is Austin naomh le chéil’; Tha Sachariah ’s Simeon aosd’, A’ seinn le bilibh gleust’. Dh’fhàg Magdalen a caoidh ’n a déigh, ’S i seinn le iolach àrd, Am measg nan naomh, is fuaim an ciùil, A’ seirm air feadh gach sràid. Ierusalem! Ierusalem! C’uin ’chi mi t’aoibhneas mòr? Gun dàil, a Dhé, thoir dachaidh mi, Is crìochnaich m’ uile bhròn. A’m’ eudainn, Dhé, O sgrìobh-sa t’ ainm, ’S thoir mi á so gu luath, Chum tàmh leat féin an sonas àrd, A’ seinn do chliù gu buan. Ierusalem, ’s i dachaidh ’n àidh— Rìgh-chaithir àrd ar Dé! O bhaile naoimh, a bhan-rìgh mhòr, A chéile Chriosd gach ré! A bhan-rìgh mhaiseach, còmhdaichte Le urram, inbhe ’s glòir, ’S ro-àillidh thu, ’s ro-loinneil geal, Gun smal air bith a’d’ chòir. O c’uin a chi’m Ierusalem— Ar comhfhurtachd gu léir? Oir tha thu àillidh dreachmhor glan, Gun chron air bith no beud. ’N Ierusalem cha ’n fhaighear oidhch’, A chaoidh no sgàile chiar, No duibhre dorch, no geamhradh fuar, ’S cha mhùth innt’ ùin’ gu sìor. Air coinneil no air gealaich innt’, No reultaibh cha ’n ’eil feum; Oir Criosd, Ard-rìgh na fìreantachd, Sìor-dhealraidh innt’ mar ghréin: An t-Uan gun smal, ’s e soilleir geal, Bheir solus doibh gun dìth, Oir bidh a’ ghlòir a ghnàth cho mòr, A chithear leò ’n an Rìgh. Is Esan chaoidh Ard-rìgh nan dùl, An sealladh sùl’ a shluaigh; ’S tha iads’, a theaghlach sona féin, Ri seirbhis da gach uair. Tha buidheann ainglean innt’ a’ seinn; ’S tha ’mhuinntir nèamhaidh chaomh, A ràinig shuas troimh àmhghar cruaidh, Gu buan ri sùgradh naomh. Na fàidhean naomh’ tha uile ’n sud, ’S na h-Abstoil—dà fhear dheug— ’S na fianuisean a ròghnaich bàs Mu ’n géilleadh iad do ’n bhréig. Bidh ’n sud gu léir na fìrein chòir’, ’S na slòigh do Ios’ ’thug gaol, Na h-òganaich ’s na h-òighean ’dhiùlt An taitneasan ’s an t-saogh’l. Na h-uain ’s na caoraich ’thug tre ghràs, Air bàs ’s air ifrinn buaidh, Bidh shuas ri caithream ait gach ré, Nach urrainn beul a luaidh; [TD 12] Is ged nach ionann meud an glòir’, Tha ’n sòlas do ’n aon ghnè, ’S tha sonas iomlan aig gach aon Do ’n mhuinntir shaoirt’ air nèamh. Tha gràdh an sud a’ rìgheachadh; ’S e Criosd an uile mhiann; Is chithear leo le sealladh sùl’, A ghnùis an aoibhneas sìor. A’ tabhairt gràidh is cliù—’s a’ seinn “Is naomh, is naomh” gun tàmh, Cha ’n fhannaich iad ’s cha ’n fhàs iad sgìth, A’ moladh ’n Rìgh gu bràth. Bu shona ’bhithinns’ mìle cuairt, An déigh mo làithean bròin, Nam feudainn féin, le cluasaibh geur’, Bhi ’g éisdeachd ris a’ cheòl, Do ’n Rìgh ’tha sìorruidh ’sheinnear shuas, Air nèamh le sluagh an àidh— Le an’maibh saoirt’ ’s le ainglibh naomh’, Thug gaol do Dhia a’ ghràidh. Bu shona sona ’bhiodh mo staid, Nam faighteadh fiùghail mi Air cliù a sheinn air feadh gach linn, Aig cosaibh Dhé mo Rìgh; ’S air comunn Chriosd a mhealtainn shuas, A ghràdh ’s a ghràs gach uair, A réir nan gealladh ’dh’fhàg e sgrìobht’, ’S a bhios mi nis a’ luaidh:— “Biodh iad-san,” deir e, “Athair chaoimh, A thug thu dhomhs’ le còir, ’N an tàmh a’m’ fhianuis féin a chaoidh, A’ dearcadh air mo ghlòir— A’ ghlòir a bh’ agam maille riut, Mu ’n robh an saoghal ann, ’S a bhitheas shuas mar thobar mòr, O ’n éirich glòir gun cheann.” ’S a rìs, “Ma ni neach seirbhis domh, Dlù-leanadh esan mi; Oir ’s àill leam far am bheil mi féin, Mo sheirbhiseach gu ’m bi.” ’S a rìs, “Ma ghràdhaicheas neach mis’, Bheir m’ Athair dha-san spéis; ’S do ’n neach sin ann an glòir ’s an gràdh, Làn-fhoillsichims’ mi féin.” O m’ thruaighibh saor mi, Dhé, gun dàil, A chum le dànachd mhòir, A’m’ chòmhnuidh leat ’n Ierusalem, Gun dearc mi air do ghlòir: ’S gu’m faic mi’n Sion gnùis an Rìgh, Mo Dhia, mo ghràdh, ’s mo rùn, A chi mi nis tre ghloine dhuirch, Ach shuas le sealladh sùl’. O ’s beannaicht iads’ ’tha glan ’n an crì, Oir gnùis an Rígh dhoibh ’s léir: O sibhs’ a mhuinntir shona naomh, A ta do theaghlach Dhé! O Dhé, gun dàil mo chuibhreach sgaoil, Mo lìn, ’s mo gheimhlean cruaidh’, Oir tha mi tuilleadh ’s fad’ a’m’ thàmh, Am bùthaibh Chédair thruaigh! Ach rannsaich mi, is faigh mi mach, ’S thoir mi do d’ chrò, a Dhé; ’S ni t’ainglean uile aoibhneas ’n uair, A ni ’m do thoil gu léir. O mhàthair chaomh, Ierusalem! A d’ ionnsuidh c’uin ’thig mi? O c’uin a chrìochnaichear mo bhròn? ’S do shòlas c’uin a chi? Ach fathast guidheam ort, a Dhé, Mo shaoradh o gach strì, A chum gu ’n còmhnuich mi gu bràth, A’d’ thulach àrd an sìth, Le Cherubim is Seraphim, Is an’maibh naomh; gun sgìos A’ seinn do chliù, O Dhé nan sluagh, Gu buan;—gu ’m h-amhluidh ’bhios. A’ chrìoch. A. C. ARAN BRISTE. BEAGAN a ràdh ’s mòran a dheanadh, comharradh air treun-bhuaidhibh. Tha uisge domhain sàmhach; labhraidh daoine glic’ am bitheantas beagan, a chionn gu’m bheil iad a’ smuainteachadh mòrain. Is éigin do sheirbhis Dhé a bhi cosmhuil ri nàdur Dhé. Do bhrìgh ’s gur “gràdh Dia,” is e ùmhlachd a’ chreidimh a ta ’g oibreachadh tre ghràdh, a mhàin a ghabhas a bhi ’n a seirbhis dha. Cha b’ urrainn thu le saothair neo-chrìochnach ceò a sguabadh air falbh, ach le dìreadh beagan a suas faodaidh tu sealltainn buileach thairis air. Mar sin a ta e le ar leasachadh nàdurra. Tha sinn a’ gleachd gu garg ri cleachdadh aingidh aig nach biodh greim air bith oirnn, nan dìreamaid gu athar spioradail a b’ àirde. Bi tric an ùrnuigh agus cha mheall Satan no ’n saoghal ro fhad thu. Faic fa d’ chomhair naomh àirc na fìrinn. Ach c’ àite am bheil an iuchair? An crochadh air tarruinn airgiod na h-ùrnuigh. Rach is ruig a nuas i, fosgail an àirc agus bi saoibhir. [TD 13-19] THE BANNER OF TRUTH. [Beurla] [TD 20] [Beurla] WAYSIDE THOUGHTS. BY THE EDITOR. [Beurla] SENNACHERIB thearuinn mar reub-chu gu cro; A bhuidh’nnean bha dearsadh le purpur ’s le h-or; Is boillsgeadh an lann mar na reulta ’s a’ chuan, Air Galilee dhomhain ’n uair luaisgeas na stuaidh. Mar dhuilleach na coille ’s an Samhradh ’n a sheis, Bha ’m feachd ud le ’n srolaibh ’n am luidhe na grein’; Mar dhuilleach na coille ’s am Foghar air falbh, Bha ’m feachd ud ’s a’ mhaduinn tur sheargt’ agus balbh. Sgaoil Teachdair’ a’ Bhais air an osag a sgiath, Is sheid e an t-aog air an namh mar a dh’ iadh; Dh’fhas suilean nan cadalach basmhor is reoit’, Aon phlosg thug an cridhe—’s a chaoidh bha gun deo! Bha ’n steud-each an sud le a chuinean gun fheart, Theich anail a mhorchuis is sitrich a neirt; Bha cobhar a spairnich gle bhan air an fhonn Is fuar mar chop-mara o ospag nan tonn. Bha ’m marcaich’ ’n a shineadh aog-neulach gun tuar, Le meirg air a mhaille, ’s le dealt air a ghruaidh; ’N a tosd bha gach pailliun, gach bratach air lar, Gun trombaid air seideadh, gun lainn air son air. Tha bantraichean Asuir ri coronaich gheur, ’S na h-iodhalan briste an teampull an de; ’S tha morachd a’ Chinnich nach d’fheuchadh an cath Air searg’ roimh ar Dia-ne mar shneachd air an t-srath. [TD 21] “THUG THU BRATACH DHOIBHSAN D’AN EAGAL THU, GU BHI AIR A TOGAIL SUAS AIR SGÀTH NA FÌRINN” BRATACH NA FÌRINN PAIRT 2.] Nobhember, 1872. [LEABH. I. INNIS-NA-FROINE. ROIMH-RADH. FHUARADH leam sàbh-shùl o ’n Lighich’ a bu mhotha ’bha ’s an tìr, Thugadh sgrìob leis, thuit na lannan, is bha agam fradharc fìor; Chunnaic mi na glinn ’s na beanntan sgeadaicht’ mar gu ’m b’ ann as ùr; Cuid de na bha roimhe luachmhor nach robh annt’ ach foill no smùr; Sealladh fhuair air gnàth nan daoine nach d’ thug géill do chuireadh Gaoil, Air na ròidibh ’taid a’ gabhail thairis air muir-làn an t-saogh ’il. Chunnacas leam iomadh curaidh a rinn euchdan mòr’ am blàr A rinn sgathadh air a nàimh, ’s a choisinn cliù am measg nan sàr; Maille ris na h-uaibhrich dhàna a rinn bòsd á ’n tàlann féin, A rinn earbs’ á nàdur truaillt’, ’s am fòghlum talmaidh a bha treun; Nach d’ rinn oidhirp mar dheadh shaighdear, ach mar chadalaich le deòin Air an iomain aig na sruthaibh dh’ ionnsuidh cladaich I-NA-FRÒIN’. Chunnaic mi air lear na mara iomadh eathar bhochd an teinn; Iad a ’gleachd ri gaoith ’s ri doinionn ’glaodhaich “’Mhaighstir cuidich leinn!” Chunnaic mi na ràimh a’ briseadh ’s o na ruip na siùil a’ srachdadh: Is na h-iomraichean a’ fannach’, ’s an sìon-mar’ ach gann ’g an tachdadh;— Cha do ghéill iad anns a’ ghàbhadh, saor o chunnart sgeir is fròig Chum iad thall air druim na mara dh’ ionnsuidh cala I-NA-H-OIG’. Chunnaic mi a’ mhuinntir cheudna, eudaicht’ ann an deise nuaidh, Cian an déigh, le ’n sròlaibh naomha ’g éirich buadhach as an uaigh; Bha an cuirp ’s an spioraid naisgte, ’s cha bhiodh sgarachduinn ni ’s mò; Bha am foirfeachd ’na h-uil’ lànachd ’s iad an làthaireachd Tì nam Beò; Thòisich moladh an Aoin Ungta a thug buaidh dhoibh anns a’ chath, Fhuair iad nis fa-dheòidh an dachaidh Leis-san ann an I-NAM-FLATH! [TD 22] CAIBIDEAL I. A’ m’ éigin ghaoir air Tì nan sluagh A chrom a nuas o thùr a ghlòir; Is shaor e mi o m’ dheuchainn thruaigh, Is fhuair fo sgàil na Creige Mòir’. THAINIG neul air mo bheatha a dh’ fhàg mo làithean ’n an sgìs domh. Bha buill agus cnàmhan mo chuirp agus ceud-fathan m’anama trom le brùiteachd smuain agus cridhe. Bha an sìon cianalais so ’g am chuartachadh a là agus a dh’ oidhche. Is e leughadh agus teagasg Focal Math na Beatha a thug domh misneach a chum a suas mi anns na làithibh ànrach ud; mur bitheadh fallaineachd na Comhairle shòlasaich a fhuair mi an sud rug breitheanas ceart Nèimh orm, ’g am fhàgail a’ m’ charragh duslaich air còmhnard na Dìchuimhne (Gen. xix. 26). Bha fosglaidh anns na neòil os mo cheann troimh an robh mi a’ cluinntinn ghuthan misneachaidh. Le fosgladh nam briathar a chuala mi thàinig solus gu m’ anam (Salm cxix. 130); agus thòisich laigse m’ inntinn air meatachadh agus fainne mo chuirp air falbh. Chuala mi mar so agus rinneadh umhal mi:—“Teich air son t’ anama; na seall a’ d’ dhéigh, agus na stad sa’ chòmhnard uile: teich do ’n t-sliabh, air eagal gu millear thu (Gen. xix. 17). Chuir mi m’ aghaidh air stùcan glasa na beinne air an robh sgàilean tana de chiaradh na h-oidhche; oir cha d’ ràinig fiamh éiridh na gréine orra fathast. Bha dorchadas agus cunnart a’ m’ dhéigh; agus rinn mi deifir. Cha do thuig mi mo chunnart fhad ’s a bha mi an companas chàich; ach air domh mi féin fhaireachadh a’ m’ aonar a’ dìreadh an t-sléibh rinn crith agus eagal greim air m’ anam. Chuimhnich mi gu ’n robh seann sgeul air aithris am measg an t-sluaigh mu ’n bhaile agus mu ’n dùthaich againn féin:—“Bithidh an dùthaich ’n a fàsach”: “agus bithidh cairbheannan an t-sluaigh so ’n am biadh do eunlaith an athair, agus do bheathaichibh na talmhainn (Ier. vii. 33-34).” Gu ’m biodh i “mar an léir-sgrios a thug Dia air Sodom agus Gomorrah. Cha ’n àitichear gu bràth i; ach gabhaidh fiadh-bheathaichean an fhàsaich còmhnuidh an sin; agus bithidh an tighean làn do uath-bheistean (Is. xiii. 19, &c.).” Uime sin chriothnaich mise ’n uair a chuimhnich mi air so, agus cheana gu ’n “d’ thàinig an leòmhan a nìos o a dhoire (Ier. iv. 7)”; agus gu ’n robh e nis am measg mo chompanach a dh’ fhàg mi a’ m’ dhéigh, agus e feadh nam bailtean agus a’ chòmhnaird “mar leòmhan beucach, ag imeachd mu ’n cuairt, a’ sireadh cò a dh’ fheudas e shlugadh suas (I. Phead. v. 8).” Làn eagail is crith mar a bha lean mi romham; bha cunnart am fagus agus cha robh àite-fasgaidh a m’ chòir. Fa-dheòidh bha dùmhlachadh nan neul os mo cheann a’ searg a lìon beagan is beagan. Bha am fàire ’s an àird-an-ear a’ deargadh gu faoin roimh theachd na gréine; agus a’ caitheadh duirche na h-oidhche bhàrr gorm-chop nan speur. ’N uair a thòisich a’ ghrian air òradh mullaich nan sliabh chunnaic mi air còmhnard beag fasgach a bha fo mhala na beinne Creag Mhòr chrom. Ghabh mi boch agus misneach; agus shìn mi mo cheum ni bu bhraise. Thug mi taing ann am chridhe do Thighearna mòr nan Uile gu ’n robh mi fa-dheòidh ann an sealladh àite-dìon. Chuala mi deadh iomradh air a’ Chreig Mhòir ud o luchd-turuis, gu sònruichte o ’n mhuinntir mheasail a bha ’g amharc mar an dachaidh dheireannaich ri INNIS-NAM-FLATH. Bha mi fiòr sgìth; agus bha gean air m’ anam ’n uair a fhuair mi mi féin ann am fasgadh sgàile na Creige Mòire ud a bha ’n a Tobar aoibhneis do luchd-turuis bhochd ann an tìr airsnealaich (Is. xxxii. 2). Shuidh mi sìos ann an sgàil na Creige a’ faotainn a comhfhurtachd shòlasaich ro mhilis do m’ bhlas. An sin thug mi tàmhadh air na leanas a sheinn:— O Thighearn éisd ri brùiteachd ghéir Mo chrì neo-thréin le ’osnaidh thruaigh; Is Tusa Féin ’tha ’siab’ nan deur O shùil nan eilthireach ’bheir buaidh. O deanam luaidh air meud Do thruais Do thruaghaibh bochd’ d’ an d’ thug Thu gràs; [TD 23] Air slighe nuaidh tha iad ’dol suas Gu tìr nan cluan far nach ’eil bàs. O molam Thu a Thì nan dùl Gu ’n d’ thàinig dlù ’s mi ’n glaic an éig; Is mi gun lùth, gun sealladh sùl Air truas mo chùis aig Tì na Bréig! O molam féin mòr thròcair Dé A rinn a’ m’ fheum air m’ anam fòir; Gu’n léir domh truaigh na tha a’ m’ dhéigh. ’S gu ’n d’ rinn rium réit’ fo ’n Charraig Mhòir. Cha robh tuigse agamsa ’n uair a bha mi ann teas na réis a muigh air gairbhead na sìde. Bha na dùilean ri strì choimheich mar thréin ann an gleachd bàis. Chuimhnich mi le tiamhachd orra-san a bha a muigh aig nach robh “daingnichean nan creag ’n an dìdean;” agus a bha ’s a’ “ghaoir an taobh a muigh” a thog na daoine cumhachdach (Is. xxxiii.). Bha mo shùilean fathast làn de dhoille teachd na h-oidhche; ach air sealltuinn domh mu ’n cuairt ann am farsuingeachd sgàile na Creige chunnaic mi an fhailbhe làn soillse! Chuimhnich mi an sin gu ’n do gheall Tighearna Mòr na tire do ’n mhuinntir a rachadh air a ghnothuch-san gu ’m faigheadh iad an ionad-fasgaidh air a chuartachadh le “neul agus deatach anns an là, agus dealradh teine lasaraich anns an oidhche (Is. iv.).” Anns an dealradh ud chunnaic mi sluagh gun àireamh a’ gabhail fois ann an dìdean na Creige Mòire maille rium fèin. A nis bha ioghnadh an déigh ioghnaidh a’ tighinn a steach fa chomhair mo shùl: bha mi a’ faicinn nan uile nithe a nis ann an coslas ùr (2 Cor. v, 17.). A mach bho sgàile na Creige bha mi a’ faire na muinntir a bha ’dol thar a’ chuain gu INNIS-NA-FROINE. AN DEASAICHE. (Ri leantuinn.) DEORSA WISHART. II. COSMHUIL ri Pàdruig Hamilton, bha Deòrsa Wishart mar an ceudna, ’n a inneal ro chomharraichte ann an làimh an Tighearn Iosa gu bhi a’ cur air a h-aghaidh obair Ath-leasachaidh a’ Chreidimh an Alba. Bha roimhe so tiugh dhorchadas na Pàpanachd ’n a luidhe air an tìr; ach a nis dheònaich Dia an so is an sud gu ’n éireadh reultan soilleir, fear an déigh fir, gus fa-dheòidh an robh an dorchadas so air a sgapadh, agus an solus a’ dealrachadh anns am bheil a’ mhuinntir shaorta an Alba a’ deanamh gàirdeachais gus an latha so. Bu bhràthair Wishart do Thriath Phitarro an Siorramachd Mhearns. Mar mhac duin’ uasail thugadh àrd-fhòghlum dha, agus fa-dheòidh chaidh e do Oil-thigh Baile Chambridge an Sasunn far an do choisinn e dha féin àrd-ainm am measg a cho-aoisean. Mu ’n bhliadhna 1544 phill e dhachaidh; agus dh’ fhosgail e sgoil ann am baile Mhontrose; agus shoirbhich gu mòr leis mar fhear-teagaisg òigridh. Tha aon do na sgoileirean aige a’ toirt an iomraidh so a leanas air: “Bha ’fhalt dubh, agus ’fheusag fada. Bha e maiseach ’n a ghnùis, agus ’n a dhealbh—deas-bhriathrach ’n a chainnt—làn caomhalachd: ullamh chum eòlas a thoirt agus mar an ceudna eòlas a ghabhail o fheadhainn eile. Mar bu trice bha earrachd air a cheann, falluinn dhubh timchioll air maille ri osanan dubha, agus léine de dh’ anart grinn geal. Bha e mar chleachdadh aige a bhi a’ toirt cuid d’ a earradh do na bochda. Cha ghabhadh e ach dà thrà bìdh ’s an latha. Thraisg e ’n ceann gach ceithir latha. Bha e mar an ceudna ro stuama anns na h-uile nithe; agus maille ri so comharraichte mar neach a ghluais ro fhagus do ’n Tighearna.” Air dha baile Mhontrose fhàgail chaidh e do Dhundee. Am feadh a bha e ’s a’ bhaile so shearmonaich e o ’n litir a dh’ ionnsuidh nan Ròmhanach; agus bha dùsgadh mòr am measg an t-sluaigh fo a theagasg. Thog so naimhdeas nan Sagartan Pàpanach ’n a aghaidh; agus b’ éigin da Dundee fhàgail. Chaidh e an sin do bhaile Ayr; far an do shearmonaich e an Soisgeul le cumhachd an Spioraid Naoimh. Bha dùsgadh an so mar an ceudna a thog as ùr gamhlas nan Sagartan Pàpanach ’n a aghaidh; agus dhùin iad an [TD 24] eaglais air. Ach thairg Iarla Ghlinncàirn—aon de na flathaibh a bha air taobh na fìrinn—gu ’m fosgladh e i a dh’ aindeoin orra. Ach cha d’ aontaich Wishart ri so, ag ràdh, “cluinnidh sibh mi anns a’ mhargadh cho maith agus ged bhithinn ann an eaglais.” Uime sin shearmonaich e anns a’ mhargadh le mòr chumhachd, agus le mòr shaorsa o ’n Tighearna; agus fo ’n t-searmoin so bha mòran air an iompachadh. Cha robh ach ro bheagan ag éisdeachd an t-sagairt anns an eaglais; agus bu lugha na sin na bh’ aig ri thoirt dhoibh. Air gabhail a leithsgeil dha sgaoil e an sluagh ag ràdh, “gu ’m biodh tuilleadh aige dhoibh air an ath àm.” Thug Wishart mu mhìos a dh’ ùine air an turus so. Shoirbhich an Tighearna gu h-anabarrach leis; ach bu cho ionann fuath agus farmad Eaglais na Ròimhe ’n a aghaidh. Aig an àm so thàinig teachdaireachd d’ a ionnsuidh gu ’n do bhris a’ phlàigh a mach ann am baile Dhundee. Air dha so a chluinntinn chuir e roimhe gu ’m pilleadh e air ais; agus air dha tighinn chuir e fios a mach gu ’n searmonaicheadh e dhoibh aig geata na h-àird-an-ear. Thionail sluagh mòr, agus labhair e riu o na briathran so, “Chuir e mach fhocal agus shlànuich e iad, agus shaor e iad o sgrios (Salm cvii. 20).” Thug e mòr chomhfhurtachd dhoibh o na briathran so; agus ghuidh iad air gu ’m fanadh e maille riu am feadh a bhiodh a’ phlàigh ’n am measg.—Rinn e so, a’ labhairt gach là le mòr chumhachd; oir bha làmh an Tighearna leis air dòigh ro chomharraichte. Rè na h-ùine so gu léir, bha sùil a’ phrìomh-Shagairt sin air —am Beatonach fuilteach. Thuarasdalaich an droch dhuine so sagart eile d’ am b’ ainm Wighton gu Wishart a chur gu bàs le biodaig air dha teachd as a’ chùbaid, an dòchas gu ’n rachadh e as gun fhios co a rinn so a bhrìgh dùmhlachd an t-sluaigh. Ach air a lìonadh leis an Spiorad Naomh gheur-amhairc Wishart air ag ràdh ris, “Ciod o dhuine a ta a’ d’ bheachd a dheanamh!” agus air ball rinn e greim air an làimh anns an robh a’ bhiodag, agus dh’ fheuch e do ’n t-sluagh i. Leum a’ mhòr chuideachd air ball air Wighton, agus chuireadh iad gu bàs obann e; ach cha leigeadh Wishart leo so a dheanamh; agus mar sin chaidh an sagart as gun chron. Air do ’n phlàigh lughdachadh, dh’ fhàg e Dundee agus chaidh e ’air ais do Mhontrose. Shearmonaich e an so mar bu ghnàth leis; agus fhritheil e dhoibh sàcramaint suipeir an Tighearn, “le aran agus fìon a thabhairt agus a ghabhail.” Mhìnich e do ’n t-sluagh cionnus a bha an dòigh fhrithealaidh so a réir an Sgriobtuir, agus nochd e dhoibh mearachd na Pàpanachd ann a bhi a’ cumail an fhìona o ’n luchd-comunnachaidh agus ’g a thoirt do ’n t-sagart ri ’òl. Am feadh a bha e ann am Montrose fhuair e litir mar gu ’m b’ ann o a chaomh charaid, Triath Chinnear, ’g innseadh dha gu ’n robh e air tuiteam gu h-obann ann an tinneas, agus a’ guidhe air e theachd d’ a ionnsuidh gun dàil. Air ball dh’ uidheamaich Wishart e féin, agus dh’ fhalbh e a dh’ fhaicinn an duin’ uasail ud. Chaidh cuid de mhuinntir a’ bhaile aig an robh mòr mheas air maille ris tacan gu ’chur air aghaidh air an t-slighe. Ach cha deach iad ach beagan air an adhart gus an do stad e gu h-obann ag ràdh riu, “Tha mi air mo bhacadh leis an Tighearna dol ni ’s faide air an t-slighe so, ach rachadh cuid dhibhse a dh’ ionnsuidh a’ chnuic a ta air thoiseach oirnn, agus thugaibh sgeul air ais ciod a chithear leibh.” Chaidh iad air an aghaidh agus feuch trì fichead marcaiche air cùl a’ chnuic, a’ feitheamh chum a ghlacadh. Phill iad, agus dh’ innis iad ciod a chunnacas leo. “Bha fios agam air,” arsa esan; “agus tha fios agam mar an ceudna gu ’n caill mi mo bheatha troimh ’n duine fhuilteach aingidh sin, Cardinal Beaton; ach cha ’n ann air an dòigh so. Beagan ùine an dèigh so dh’ fhàg e Montrose, agus chaidh e air turus a Dhunéideann. A’ cheud oidhche a bha e air an t-slighe dh’ fhan e maille ri caraid dha d’ am b’ ainm Seumas Watson a bha chòmhnuidh ann an Innergurie, dà mhìle a mach o Dhundee. Air an oidhche so, beagan an déigh da dol d’ a leapaidh, dh’ éirich e agus chaidh e mach [TD 25] do lios a bha fagus, agus chrom se e féin gu làr rè uair a’ thìm, ag ùrnuigh agus ag osnaich gu trom. Chunncas e le dithis dhaoine a lean e do ’n ghàradh. Anns a’ mhaduinn dh’ fheòraich iad deth, ciod bu chiall do ’n ghleachd ud anns an robh e? Air tùs cha ’n ìnnseadh e dhoibh; ach fa dheireadh fhreagair e, “tha fios agam gu bheil crìoch mo thuruis am fagus, guidhibh air mo shon, nach dìobair mi ’n uair a thig an cath cruaidh deireannach.” “O,” arsa iadsan, “is brònach an naigheachd so dhuinn;” agus ghuil iad. Fhreagair Wishart, cuiridh Dia comhfhurtachd do ’r n-ionnsuidh an déigh dhomhsa triall dachaidh. Bithidh an rìoghachd so air a soillseachadh le solus an t-Soisgeil cho soilleir ri rìoghachd a bh’ ann o làithibh nan Abstol. Bithidh teampull Dé air a thogail ’s an tìr; agus air a thoirt gu coimhlionadh a dh’ aindeoin a naimhdean. Cha ’n fhada gus an tachair so; agus cha mhòr a bhios air an cur gu bàs a’ m’ dhéigh-sa. Gus an tachair so foillsichear glòir an Tighearn, agus bheir ’fhìrinn buaidh a dh’ aindeoin an diabhuil; ach mo thruaighe an sluagh, ma bhios iad neo-thaingeil; thig plàighean agus breitheanasan orra a bhios ro eagalach!” Ràinig e baile Léid air an deicheamh là de Dhecember air a’ bhliadhna so, far an d’ fhan e am falach beagan de làithibh. “Tha mi,” arsa esan, “a’ saothrachadh gu daoine eile a thoirt á dorchadas, agus tha mi féin mar dhuine air am bheil eagal e féin a nochdadh.” Thuig iad o so gu ’m bu mhiann leis teagasg a thoirt; ach thuirt iad ris gu ’m biodh so cunnartach da. Fhreagair e, “ma thig an sluagh gu m’ éisdeachd labhraidh mi riu air a’ cheud Sàbaid, agus deanadh Dia rium mar a chì e iomchuidh.” Uime sin theagaisg e iad o cho-samhlachd an t-sìoladair (Mat. xiii.). Air an ath Shàbaid shearmonaich e an Inneruisg do mhòr choithional. Air dha dithis do na Sagartan fhaicinn a’ buaireadh an t-sluaigh, thug e achmhasan doibh ag ràdh, “A sheirbhiseacha Shàtain, a’ mealladh dhaoine, cha ’n éisd sibh féin ri fìrinn Dhé, agus cha leig sibh le muinntir eile a cluinntinn. Imichibh, oir tha mise ’g innseadh dhuibh gu ’n cuir Dia ga nàire sibh anns an rìoghachd so—gu ’n dean e gràineil sibh, agus bhur n-ionadan còmhnuidh ’n am fàsach.” Shearmonaich e air an dà Shàbaid an déigh so ann am baile Thranent, an déigh sin ann an Haddington; air tùs do mhòr choithional, ach air an ath latha do àireamh bhig; oir bhacadh an sluagh le Iarla Bhothwell, aig an robh mòr ùghdarras an sin. Bhean so gu goirt ri Wishart agus thubhairt e ri Knox ainmeil, “tha mi sgìth do ’n t-Saoghal so, oir tha mi ’faicinn gu ’m bheil daoine air fàs sgìth do Dhia.” Air dha dol do ’n chùbaid, mhaoidh e air an t-sluagh air son a bhi ’deanamh dìmeas air an t-soisgeul, agus dh’ innis e dhoibh, “gu ’m biodh iad air an claoidh le teine ’s claidheamh; gu ’n gabhadh coigrich seilbh air an tighean; agus gu ’m biodh iad air an sgiùrsadh o ’n ionadaibh còmhnuidh.” Thachair so air do na Sasunnaich am baile ghlacadh ’s a’ bhliadhna 1548. Is i so an t-searmon dheireannach a thugadh leis, agus aig co-dhùnadh na seirbheis, ghabh e cead diubh—ag innseadh dhoibh, “gu ’n robh crìoch a thuruis faisg air làimh.” An oidhche ’n déigh so, bha an tigh anns an robh e air a chuartachadh le saighdearan Iarla Bhothwell, a réir òrduigh a’ Bheatonaich; agus bha e air a ghlacadh agus air a thoirt do Dhunéidionn gu bhi air a rannsachadh. O Dhunéidionn thugadh e gu Cillrìbhinn—Baile a’ Bheatonaich far an robh e a chòmhnuidh. Bha e nis an comas an droch dhuine so gu ’thoil a dheanamh ris. Air sgàth sgoinne, bha e air a cheasnachadh fa chomhair cùirt nan Sagartan a thaobh a bheachdan creidimh. Bha e air a chur as a leith gu ’n robh e ’g àicheadh (1) Seachd Sàcramaidean a bhi ann; agus ag ràdh (2) nach ’eil éifeachd shlàinteil air bith ann an aideachadh do Shagart Pàpanach; agus (3) nach ’eil brìgh ann a bhi ’g ùrnuigh ris na naoimh; agus (4) gur h-e am Pàpa an t-Anacriosd. Bha mòran de nithean eile de ’n t-seòrsa so air an cur as a leith, a ta ’nochdadh mhearachdan na Pàpanachd; agus cho soilleir glan is a bha eòlas na fìrinn aig an duine bheannaichte so. [TD 26] Fhreagair e le mòr shoilleireachd gach cùis-dhìtidh a bha air a’ toirt ’n a aghaidh—a’ nochdadh gu ’n robh a theagasg air a bhonntachadh air an Sgriobtur. Ach cha do chuir a’ chùirt suim air bith ’n a bhriathran; agus dhìt iad e gu bhi air a losgadh le teine. Air dha a’ bhinn so a chluinntinn, thuit e air a ghlùinibh ag ràdh, “Cia fhad, O Dhé, a cheadaicheas tu ainneart dhaoine ain-diadhaidh a tha ’folach t’ fhìrinn! O dìon agus gléidh agus cobhair t’ oighreachd a thaghadh leat. Dean dìleas iad gu t’ fhocal a ghràdhachadh, agus t’ aobhar a chumail suas, an aghaidh gach nàmhaid is cunnairt.” Air an ath latha air dhoibh a thoirt a mach chum bàis, cheangail iad a làmhan air a chùl; chuir iad pocachan fùdair mu’ thimchioll; agus còrd mu ’amhaich; agus cheangail iad e ri cabar làidir, agus chàrn iad connadh mu ’thimchioll. Mar a bha iad a’ beothachadh an teine, ghlaodh Wishart le guth mòr, “O Shlànuighir an t-saoghail dean tròcair orm! a’ d’ làmhan-sa tha mi ’tiomnadh suas mo spioraid, O m’ Athair nèamhuidh.” Am feadh a thuirt e so bha an teine air a lasadh. Bha so fa chomhair caisteil a’ Bheatonaich a bha ’g amharc a mach air troimh uinneig aig a’ cheart àm. Sheall Wishart air, agus air tionndadh da ris an t-sluagh, thubhairt e riu, “Tha sibh ’g a fhaicinn a tha o ’n uinneig ag amharc orm cho uaibhreach; ann am beagan de làithean chithear e air a thilgeadh a mach air a’ cheart uinneig ud, cho tàireil, suarach ’s a tha e nis cho uaibhreach aingidh ag amharc air na fulangasan so a tha mise an diugh a’ fulang air sgàth Chriosd.” Air da so a ràdh tharruing an crochadair an còrd a bha air ’amhaich. Cha d’ thubhairt e smid tuille—ach cosmhuil ri Eliah chaidh e suas air a’ cheud là de ’n Mhart 1546 ann an carbad teine gu bhi air ’fhàilteachadh a chaoidh tuille do aoibhneas a Thighearna! Mar a thubhairt Wishart, an ceann thrì mìosan an déigh so bha caisteal a’ Bheatonaich air a ghlacadh agus e féin air a thilgeadh a mach mar shalchar na sràide air a’ cheart uinneig troimh an d’ amhairc e an latha ud air bàs Wishart. A. SINCLAIR. CUMHA NAN OG. ’S e ’n ni gu guineach, cruaidh is goirt, A rinn ar lot gu cràiteach, Ar pàisdean bhi ’g an gearradh sìos, ’S gun againn dìon o’ n bhàs doibh. So ’n t-ochda aon a chaidh thoirt uainn, ’S le càch tha ’n suain a’ bhàis e; Gach acain, gearan goirt is ciùirrt’ Chuir air an cùl gu bràth iad. An teachdair oillteil thàin’ mu ’n cuairt A ris le gruaim do’r fàrdaich, ’S ar n-àilleagain, gun iochd gun truas, Thug e gu cruaidh o’r làmhan. Cha bhuineadh dhuinn a bhi ri bròn, Mar dhream gun dòchas slàinteil, Bhi ’faigheal croin do fhreasdal Dé, ’Tha ’deanamh réir mar ’s àill leis. ’Se Dia ’na thròcair ’thug iad dhuinn, Dha féin mar chloinn ’g an àrach; ’S b’i ’thoil a nis an tabhairt uainn. ’S an aiseag suas gu ’làthair. Anns an deuchainn ghoirt is chruaidh, Thug sinn iad suas do’ n t-Slànuighear, Sinn liubhair thairis iad gach aon Do ghlacaibh ’ghaoil ’s a chàirdeis. Droch eiseamplair cha dean an truaill’, Chaidh as do bhuaireadh Shàtain; Cha dean e’n ribeadh ann a lìon, No ’n glac le bhiadhan mealltach. O’n tìr ’sam bheil iad cha tig sgeul No litir fhéin ag ràdhtuinn Gu bheil a h-aon diu gu ro thinn, ’S gu bheil gu cinnt’ am bàs air. Air neo gu’ n deachaidh e a thaobh Do shlighibh claon’ na tràilleachd No ribte, ’n déigh a thoirt fo bhuaidh Do chuideachd thruaillidh ghràisgeil. Mar uiseagan le’n ceilear binn Tha iadsan ’seinn le dànachd, Gu lurach ceòlmhor aoibhneach ait, Gu milis blasd’ do ’n Slànuighear. [TD 27] Is bhuineadh dhuinn a nis gu dian A bhi ’sìor-thriall do ’n àros ’Sam faic sinn e ’na uile ghlòir ’S gu sìorruith ’g òl a lànachd. Tha sinn ag aideachadh gu saor Gu ’m b’ ann o ghaol ’s o chàirdeas A bha na buillean ’rinn ar bual’ Ged bha iad cruaidh do ’r nàdur. GILLEASB’ MACFHEARCHAIR. [Tha sinn a’ toirt àite le mòr thaitneas do na roinn roimhe so; gu h-àraidh a nochdadh ar co-fhaireachduin ghéir ri Mr. A. Mac Choinnich làimh ri Baile-Chaolais, athair nan ochdnar “òg” air an ainmeachadh ’s an dàn. Tha am buille da rìreadh goirt; ach ’s eòl duinn gur h-aithne do Mhr. M. gu ’m bheil maille ris an Ard-Shagart ullachadh comhfhurtachd is gràis air son clann a’ Chùmhnaint a réir goirteas na slaite.—Deasaiche.] AN RIGVEDA. II. Is iad na briathran “’S e Dia a rinn sinn ’s cha sinn féin,” freumh-fhìrinn gach diadhachd, foillsichte, no neo-fhoillsichte; ’s i an smuain so mu bhith agus chumachd cruthachaidh Dhé, ’cridhe an Rigveda—an tobar-beatha dh’ ionnsuidh agus o ’m bheil a’ sruthadh gach cuisle bheò fhallan a gheibhear an taobh a stigh do dhà chlàr an leabhair so. ’N uair bha ’n Greugach a’ sireadh gliocais, agus a ràinig e ann an làithibh Shocratais, Phlato, agus Aristotail air gach àrd-ghliocas a b’ urrainn inntinn nàdurra a bhreithneachadh ’s e ’n toradh a ghiùlain e altair a chur suas air an robh an sgrìobhadh so, DO ’N DIA NEO-AITHNICHTE. Mar so a measg iodhal-aoraidh dh’ éirich an nàdur modhannail suas gu bhi a’ greimeachadh ris an smuain o ’n do thuit iad air falbh, ’s e sin nach ’eil ann ach aon Dia. “Oir riamh o chruthachadh an t-saoghail a ta a nithe-san nach feudar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorruidh, agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhoibh bhi so-thuigsinn o na nithibh a rinneadh; chum gu biodh iad gun leithsgeul aca: Do bhrìgh ’nuair a b’ aithne dhoibh Dia, nach d’ thug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gu ’n d’ fhàs iad dìomhain ’nan reusonachadh féin, agus gu ’n do dhorchaicheadh an cridhe amaideach. Ag ràdh gur daoine glice iad fèin, rinneadh amadain diubh (Rom. i., 20, 21, 22).” Tha e soilleir gur h-e aoradh aon-diadhach a bha air tùs aig na Hindùich. ’S e an t-aon chuspair aoraidh a bh’ aig a’ chinneach Iudhach ’s an fhàsach, “Eisd, O Israeil; An Tighearn ar Dia-ne, is aon Tighearn e (Deut. vi., 4).” Cha ’n ’eil e idir mi-iomchuidh duinn a bhi a’ cumail ’n ar cuimhne an co-chòrdadh iongantach a ta eadar cuid de bheachdaibh Bàird aosda an Rigveda agus cuid de fhìrinnibh an t-Seann Tiomnaidh. Tha aon de na dànaibh a’ tòiseachadh mar so:— 1. ’S an toiseach cha robh bith aig aon ni aig am bheil bith a nis. 2. An iad uisgeachean domhain na h-aibheis a bha ’slugadh suas nan uile nithean? 3. ’S an toiseach cha robh bàs no aon ni bàsmhor ann. 4. ’S an toiseach cha robh ann Failbhe, no Tìm, no Beatha, no dealachadh eadar oidhche agus là; cha robh lòchran soluis ann a’ cur dealachaidh eadar maduinn is feasgar. 5. Ach mu ’n robh ni air bith ann, bha ’n t-Aon ann a ta ’g analachadh gun anail; ’s e sin deir am bàrd an t-Aon aig am bheil a bhith agus ’anail ann féin. 6. Bha dorchadas ann, agus sgàil-bhrat mòr duibhre mar chuan gun solus a’ còmhdach aghaidh na doimhne. 7. ’S an toiseach thàinig Gràdh, agus cheangail e an t-Aon neo-chruthaichte ris ’a chruthachadh. 8. ’S ann o ’n Tì Ard d’ an àite-tàimh nèamh nan nèamh, ’s d’ an aithne na h-uile nithean, a thàinig an cruthachadh a bhos, agus gach Toil is gach Cumhachd a ta shuas. Tha dàn eile ag ràdh mar so:— 1. Cha ’n aithne domh co ris a ta mi [TD 28] cosmhuil gus an coisich mi a steach do ’m inntinn féin, ’s ann an sin a ta Aosda nan làithean a’ tighinn faisge orm agus a’ cur mo chridhe air ghleus. 2. Tha ’bheatha luath-ghluasadach ’n a luidhe ag analachadh, seadh a’ plosgartaich an taobh a stigh d’ a h-ionad còmhnuidh. Tha ’m beò ag imeachd a measg chumhachdan nam marbh. ’S e ’n neo-bhàsmhor bràthair a’ bhàsmhoir. Cha sgrìobh sinn aig an àm so ach rann no dhà eile gu ’bhi ’faicinn ciod iad na buadhan agus na cliùthan leis an robh am bàrd Vedach a’ sgeudachadh a Dhia:— 1. ’S e so an t-Aon Dia ’ta a’ sealltuinn thairis air na neulaibh uisge; na neòil a ta ’toirt neirt, agus a’ cur teine ris an ìobairt, Dia mòr os ceann gach Dia. 2. ’S e so an Tì a stéidhich an talamh agus a shocraich na nèamhan, seadh nèamhan nan nèamh, a thomhais a mach an solus ’s an speur, a ta a’ cothromachadh nèimh is na talmhainn agus tre a thoil a’ toirt orra seasamh daingeann. 3. Tha sinne mar dhaoine, O Dhé, a’ briseadh do lagh gach là: na tabhair thairis ar n-anam do ’n bhàs. Their mi ri m’ anam ciod e mar gheibh thu Dia? An gabhar m’ ìobairt gun bhi feargach rium, an gabh e éiric air son mo pheacaidh, an glan e mi o lochdaibh mo shìnnsearachd? 4. Na deanadh e ar sgrios, Cruith-fhear na talmhainn, an Tì ionraic agus fìrinneach, a chruthaich na nèamhan. Co e ’n Dia d’ an ìobair sinn ar n-ìobairt? IAIN S. MAC NEILL. (Ri leantuinn.) C. SALM. L. M. Gach slògh d’ an còmhnuidh ’n cruinne-cé Togaibh gu léir ait-chliù do ’n Triath. Ri gàirdeachas ’n ar Cruithfhear treun, Le ’r binn-cheòl éireadh cliù do ’r Dia. Biodh fios gur Dia E—Triath an àigh, O’ m bheil gach àl—ar dealbh ’s ar deò; A threud sinn—’s biathaidh e gach trà ’S ni dìon is àrach dhuinn ri ’r beò. Air dorsaibh ’àrois dòirtibh ’steach ’Na chùirtibh ait, dha thigibh dlù, ’S guth molaidh ’s gàirdeachais gach neach A’ luaidh air feartaibh Dhé nan dùl. Air son gur mòr ’s gur maith ar Dia, Mu ’thròcair chinntich ’s maith bhi ’seinn; ’S ’fhìrinn a sheas gu daingeann riamh, Gu mair, feadh linntean sìorruidh, leinn. A. M. DAN NA BOID AIG NA DEADH THEAMPULLAICH. A Dhia nan sluagh seall a nuas le ùigh, Air dream ’tha ’gluasad a réir do rùin; An àm an cruadail bi féin a’d’ stuadh dhoibh, ’S an àm am buairidh bi d’ fhuasgladh dlùth. Tha iad a’ bòideach’ nach blais gu bràth Iad deoch a mhi-sta d’an crìoch am bàs; Dean féin a’ d’ fhìrinn an cumail dìleas, ’S thoir sonas, ’s sìth dhoibh gu crìoch an là. ’S aig là am bàis dean an togail suas, Is thoir dhoibh àit ’s an Ierus’lem nuaidh, A chum gu lùghmhor bhi ’seinn do chliù-sa Le h-Allelùiah a bhios bith-bhuan. [Chaidh Comunn nan Deadh Theampullach a stéidheachadh an Albainn le Tòmas Roberts á America o cheann trì bliadhna. Anns an ùine sin dh’ fhàs iad cho bras ’s gu ’m bheil a nis ann an Albainn ceithir fichead mìle ceangailte riu a thug bòid shòluimte nach blais iad agus nach toir iad do neach eile ni air bith a chuireas air mhisg. Tha iad ’n an meadhon air ceudan a bha ’n an tràillean aig dibhe làidir a thoirt air ais gu tigh Dhé far an cluinn iad an Soisgeul sin a ni iad glic a chum slàinte. Chaidh Deasghnàth agus Dàin a’ Chomuinn a thionndadh gu Gàilig le ar caraid ionmhuinn, Mr. D. MacMhuirich o ’n d’ thug sinn Dàn na Bòid roimhe so.—Deasaiche.] [TD 29] AN T-URRAMACH PADRUIG MAC GILLEADHAIN. RUGADH Pàdruig Mac Gilleadhain ann an Sgìre Uige ann an eilean Leòghais ann an céitean na bliadhna 1800. Bha ’athair Coinneach Mac Gilleadhain ’na thuathanach ann an tomhas de chothrom, agus fo mhòr mheas mar dhuine dìreach is beusach ’n a uile ghnothuichibh. B’ e Pàdruig a b’ òige dhithis mhac; ’s b’ e rùn a phàrantan ceannaiche a dheanamh dheth; agus mar dhuine tuigseach thug ’athair uiread de fhòghlum do na gillean ’s a b’ urrainn sgoil na sgìre a thoirt; ’s cha b’ e am baoghalta ruigheachd air an sgoil ’s a’ gheamhradh; oir bha amhainn mhòr gharbh chunnartach gun drochaid eadar iad ’s an tigh-sgoile. ’S tric a thàinig iad dhachaidh le ’n casan ’n an strùlaichean fala le deigh ’s le clachan na h-aimhne; ach cha bu chuilc air a crathadh le gaoith riamh Pàdruig; an rud a chuireadh e roimhe chuireadh e ’na dhéigh e. Bha so ri ’fhaicinn gu soilleir cha ’n ann a mhàin ’n uair a bha e ’na Theachdaire mòr an t-Soisgeil, ach eadhon ’n a ghiullan. Mu ’m biodh fàire air na sgoileirean eile ’s an fheasgar bha esan ullamh d’ a bhiadh, agus an sàs ann an gnothuch feumail mu ’n tigh. Thòisich e air ceannachd, agus shoirbhich sin leis. Ach cha b’ i sin a’ ghairm ’s an do rùnaich an Tighearna gu ’m biodh a bheatha air a caitheamh. Bha obair eile aige dha; agus ’n uair a bha e ceithir bliadhna fichead thòisich am Maighstear ri ’ullachadh air son na h-oibre dh’ ionnsuidh an do ghairm e ’oglach. Anns na bliadhnachan 1823-25 bha Leòghas air a fiosrachadh leis an Spiorad Naomh ann an tomhas ro phailt; agus shluig a’ Cheist Mhòr gach ceist eile ’s an àm sin. Thòisich e air taobh an iar an eilein; sgaoil an obair dhrùighteach o sgìre gu sgìre; agus fhuair Uige cuibhrionn mhòr de ’n bheannachd. ’S ann ’s a’ bhliadhna 1825 a chuir an t-Uile-chumhachdach saighead a’ gheur-mhothachaidh ann an cridhe a’ cheannaiche:—fhuair e a’ ghairm éifeachdach a thuirt ris, “A Phàdruig lean mise”; agus cha robh e eas-umhal do ’n ghairm nèamhuidh. Cha ’n fhios duinn dé b’ aobhar gu’ n do thuit airsan air feasgar an t-seathadh là deug de cheud mhìos a’ gheamhraidh ’s a bhliadhna ’chaidh ainmeachadh, bhi air ceann aoraidh an teaghlaich, ni nach do rinn e riamh roimhe. Ach air dha bhi ’leughadh an t-seathadh caibideil de Hosea, cha luaithe leugh e a’ cheud dà earrainn, na thàinig stad air—bu treise Esan a labhair anns na briathraibh na ’n t-òganach ’n a làn neirt—dh’ fheuch e rithist ’s e a’ gal gu frasach ris an dà earrainn ud, ach thachd a ghal e, agus b’ éigin da stad. ’S iad na briathran, “Thigibh, agus pilleamaid ris an Tighearn: oir is esan a reub, agus is e ni ar leigheas; is e bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn. An ceann dà là ni e ar n-ath-bheothachadh, air an treas là dùisgidh e suas sinn, agus bithidh sinn beò ’na shealladh.” B’ uamhasach do Phàdruig an oidhche sin, oidhche a chuir bàs chàirdean as a chuimhne, oidhche shuadhadh dhòrn, is fhàsgadh cridhe. Chunnaic e a chunnart; bha na nithe a bhuineadh do shìth ’anama fa chomhair a choguis. Chreid e gu ’m b’ e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs. Chuala e tàirneanaich; agus mhothaich e Sinai air chrith; agus fearg an Dé mhòir ’g a ruagadh, agus e aineolach air an aon dìdean o’ n fheirg ri teachd. Ach ged a shaoileadh neach gu ’n robh gu leòr aige smuaineachadh uime fhéin ’s an àm thàinig cùram a cho-chreutairean air muin a chùraim féin. Ruith e o cheann gu ceann de ’n bhaile ag éigheach, “Eiribh as ’ur leapaichibh, agus iarraibh tròcair Dhé do ’ur n-anaman. Fathast dà fhichead là, is sgriosar Ninebheh.” Bha an sluagh fo uamhas. Dh’ éirich cuid agus thòisich iad ri ùrnuigh; agus bha aon neach a chaidh a dhùsgadh o ’chodal spioradail an oidhche sin a dhearbh an déigh sud gu ’m b’ atharrachadh slàinteil a bh’ ann. Cosmhuil ri bean Shamaria bha teachdaireachd aig Mr. Mac Gilleadhain gu muinntir a’ bhaile, “Thigibh, faicibh duine a dh’ innis dhomh-sa na h-uile nithe a rinn mi riamh: Nach e so an Criosd?” [TD 30] ’S ann bliadhna gu leth roimh so a shuidheachadh an t-Urr. Alasdair Mac Leòid ann an sgìre Uige—fìor dhuine le Dia, a bha ro dhìleas agus gu mòr air ’aideachadh ann an seirbhis a Mhaighstir. Bha mòran anman aige mar sheulaichean air a mhinistreileachd,—cuid diubh sin chaidh air thoiseach air gu glòir. Tha cuid fathast air an talamh, a’ cuimhneachadh air le tlachd, agus ’g a mheas mar an athair spioradail ann an Criosd, agus a tha ’g árach an dòchais gu ’n lean iad e gu h-aithghearr do ’n fhois nèamhuidh. Bu tearc ministear ri ’fhaicinn a bu mhò air an robh meas na bha air an teachdaire ghràdhach Alasdair Mac Leòid. ’S ann o ’shearmonachadh dìleas agus gràdhach a fhuair Mr. Mac Gilleadhain gu h-àraidh na beachdan fallan air an fhìrinn leis an do thòisich e air ullachadh air son na ministreileachd. Cha do dhì-chuimhnich e riamh na fiachan fo ’n do chuireadh e leis, agus gu crìch a bheatha ghràdhaich e Mr. Mac Leòid os ceann gach duine eile. Air dha nis air tomhas fios a bhi aige air luachmhorachd an anma—air dha fois fhaotainn d’a anam féin ’s an t-Slànuighear bheannaichte bha tart air air son a bhi feumail do mhuinntir eile. Chum na crìche so rùnaich e tuilleadh fòghluim fhaotainn air chor ’s gu ’m bitheadh e deas air son oibre cumhachdaich na ministrealachd, nam faiceadh e a ghairm soilleir. Ach ’s a’ cheart àm cha robh feum aige air mòran brosnuchuidh gu a bheul fhosgladh ri peacaich. Chunnaic na càirdean sin agus chuir iad impidh air facal earail a thoirt ann an iomall na sgìre. Ach ma rinn esan sud chuala am ministear e, agus chuir e fios air; thàinig e le eagal is ball-chrith, is fios math aige air an aobhar. “A Phàdruig,” thuirt am ministear, “chuir mi air do thòir an duigh chum ’s gu ’m bearrainn do sgiathan.” Ghabh e a chomhairle; oir bha a’ leithid de mheas ’s na làithibh ud aig creidich òga air teachdairean diadhaidh ’s gu ’n géilleadh iad d’ an ùghdarras, agus leigeadh iad seachad am beachdan anabuieh féin. Thionndaidh ìnntinn Phàdruig gu h-iomlan an aghaidh a ghairm mar cheannaiche. Reic e na bha aige, agus thaisbean e a ghràdh do na bràithrean le bhi a’ dubhadh as a leabhraichean na bha de fhiachan aige orra. Bha Criosduidh saibhir agus ainmeil ann aon uair, agus ’n uair a chluinneadh e iomradh mu iompachadh dh’ fhiosraicheadh e, “Am bheil an sporan air iompachadh?” Mur am bitheadh cha chreideadh e gu ’n robh iompachadh ann idir. Tha e soilleir gu ’n do dhearbh gràs gle thrà do Phàdruig gu ’m feumadh a sporan cho maith ris féin a bhi air a thoirt thairis do Chriosd, agus nach robh annsan ach riaghlair air tròcairean Dhé. An déigh so chaidh e do sgoil àird Abair-raighuinn, agus as a sin do Oil-thigh a’ bhaile fad shè mìosan, ach ’s ann an Dunéidionn a fhuair e a’ chuid eile de fhòghlum air son na ministreileachd. ’S an t-samhradh theagaisg e sgoil ann an sgìr a bhreith agus ath-bhreith, agus tha sinn de ’n bheachd gur h-anns an àm so (1829) a sgrìobh e am féin-choisrigeadh do’n Tighearna s d’ a obair a leanas. “Air dhomh pilltinn dachaidh an dèigh bhi ’còmhradh ri Iain MacRath maighstir-sgoil na sgìre, (An t-Urr. Iain MacRath Charlobhaidh a nis a’ tàmh ann an Uig an eilein Sgiathanaich) chaidh mi a dh’ ùrnuigh a measg chlachan a’ chladaich, leis a’ chuan a’ nuallaich ’n a’ mo chluasan, agus ghuidh mi uair gu leth, gu h-àraidh gu ’n cuireadh Dia solus dhomh air mo ghairm, agus mo dhleasannas, agus am feadh a bha mi ’g ùrnuigh bhean na h-earrannan so le cumhachd ri m’ anam, Dàn Sholaimh i. 10; Luc. x. 2; Isa. vi. 8; I. Cor. ix. 16; II. Cor. xii. 9; agus bha mar gu ’m biodh an t-Uan ’n a shuidhe air an Rìgh-chathair a’ labhairt nam briathran ud rium, agus m’ anam a’ deanamh riutha, agus thubhairt mi, ‘Tha mi leis a so gu dùrachdach a’ rùnachadh tre neart agus ghràs Dhé ann an Iosa Criosd—ann an làthair Dhé an Athar—a Mhic—agus an Spioraid Naoimh—an làthair ainglean Dhé air nèamh—nan naomh air thalamh—fa chomhair dhroch dhaoine an t-saoghail so—agus [TD 31] dheamhan na h-ifrinn—m’ anam, mo chorp, agus mo thàlannan a làn-choisrigeadh do ’n Tighearna agus d’ a sheirbheis air son ùine agus bith-bhuantachd.’ Agus O! gu ’n deònaicheadh an Tighearna d’ am bheil mi ’g iarraidh seirbheis a dheanamh agus d’ an do bhòidich mi, a ghràs gu bhi ’coimhlionadh gach ni a tha mar fhiachan orm fad mo chuairt a bhos, agus bitheadh a’ ghlòir DHASAN nis agus gu saoghal nan saoghal, Amen. “Agus ris a so tha mi ’cur mo làimh do ’n Tighearna. “PADRUIG MAC GILLEADHAIN.” Bha dreuchd na ministrealachd cho cudthromach ’n a bheachd ’s gur tric a gheibhear e ann an leabhar anns an do sgrìobh e na nithe a bu dìomhaire d’ a bheatha a’ feòrach a rìs agus a rìs deth féin an robh barantas o Dhia aige dol air adhart gu bhi ’n a mhinistear. Sgrìobh e:— “Dùnéideann, 1829.—Gach là o ’n dh’ fhàg mi ’n tigh bha eallach éigin air m’ anam, ach bha gealladh agam maille ris. Air an là ’n diugh bha eagal mòr orm nach coimhlionainn mo dhleasannas do phobull Dhé. Dh’ éirich mi ’s an oidhche, agus bha mi comasach mo chùraman uile chur air an Tighearn. Tha fios aig an Tighearna cho neo-fhreagarrach ’s a tha mise air son obair air bith ’s an eaglais, ach thubhairt mi tha mi ’n so, dean rium mar ’s àill leat. Bha mi ’n diugh fad trì uairean gle shona an cuideachd Mhr. F. Mac Bheathain (An t-Urr. Frang Mac Bheathain, ’bha ’n Cille-chuimein).” Air là eile sgrìobh e:— “An diugh bha mi gle shona is Criosd ann an seilbh agam mar mo chuibhrionn, agus aig a’ cheart àm a’ faireachduinn cho neo-chomasach ’s bha mi air son obair an Tighearna, ach a’ creidsinn gu ’n robh m’ Athair làn-fhoghainteach air son mo thoirt troimhe agus b’ urrainn mi m’ Athair a ràdh ris.” I. MAC-A-PHEARSOIN. (Ri leantuinn.) GEARAN D’ AR LINN. Och! gur h-e ’tha brònach A nis ri aithris, Gu ’m bheil sinn le ar gòraich Air sgur de chaithris; Nach ’eil sinn air ar glùinibh Le deòir a’ ruith o ’r sùilibh, An eilimeid na h-ùrnuigh Le sùil ri beannachd! Si a’ bhuaidh a tha ri ’faicinn Gu ’m bheil fuachd air luidh oirnn, Gu ’m bheil neòil ro-ghruamach ’S an uair-s’ air stad oirnn. Ach a Rìgh nan dùl Thoir Thus’ sùil a nis oirnn; ’S cuir ar nàimh air chùl ’Tha le tnù ’toirt sgrios oirnn. MURACHADH MOIREASTON. ORAN AN EILTHIRICH. LE A. COOK, NACH MAIREANN. Ged gheibhinnse onoir, ’S a gheibhinnse stòr, Cha bu mhòr dhomh mo chòir Mur faighinn do ghaol; B’ fheàrr mionaid a’ d’ chomunn, Ag itheadh de d’ fheòl Na onoir is glòir Is comunn an t-saogh’il. Tha mòran a’ sireadh, ’S a’ sgrìobadh an òir, ’S ochon! cha ’n ’eil sòlas Mar ris nach tréig; B’ fheàrr suidh’ air an òtraich Ag iarraidh do ghlòir Na ’n caraichibh òir ’S do mhallachd ’n an déigh. Nam faighinnse tuilleadh De d’ chomunn ’s an fheòil Is tuilleadh de d’ cheòl Air feadh nan deich teud, Bhiodh m’ anam ag imeachd Gu Sion na glòir’ A’ seinn na laoidh mòir’ A’ dìreadh an t-sléibh. [TD 32] An latha mo dhunach ’S ann dh’ iarr mi thu, Is m’ anam ro dhlùth A’ leantuinn riut féin; ’S ged ’theireadh tu rium, “Na tigse dhomh dlùth,” Cha tionndainn mo chùl Gun beannachd na Réit’. Bha m’ anam ro theann, ’S ro dhian air do thòir, Is plosgail ro mhòr An doimhne mo chléibh; A’ buirich mar fhiadh Air son na deoch beò;— Cha ghabhainnse òr, ’S cha ghabhainnse leug. Bha gaol mo chridhe Air t’ aon Mhac Beò, ’S air làn mo bheòil O thobar an treud; ’S mur faighinnse braon deth Cha bhithinnse beò An làithibh mo bhròin Is m’ osnaich ro gheur. ’N uair a thàirninn am fagus A lùbadh mo ghlùin B’ e sòlas do ghnùis ’Bhiodh m’ anam an déigh; ’S ’n uair gheibhinns’ fo d’ bhrataich A thagradh mo chùis Cha ’n fhàgainnse cùil, ’S cha ’n fhàgainnse creuchd; Bhiodh ’sgaoileadh mo lotan Fa chomhair do shùl; ’S cha ’n fhàgainnse lùb Nach innsinn duit féin; ’S gach traoitear is gadaich’ ’Bha ’bagradh mo chrùin Gu rachadh air cùl Le anail do bhéil. Bhiodh Iosa le ola Ag ùngadh mo shùl, ’S a’ sgeudach’ mo ghnùis Le trusgan nan deur; ’S bu bhlasda bhi ’g itheadh De dh’ aran na tùis Air ’fhuineadh gu dlùth Le fuil nam fìon-gheug. Cha chumadh gach aran Nis m’ anam-sa beò ’S cha b’ urrainn mi sòlas A tharruing á plaoisg; Ged dh’ fhòghnadh le coigrich Na faileasan mòr’ Is ainm a bhi beò Gun eòlas air Saors’. Bho ’n a chaidh anail A shéideadh cho beò Le Spiorad Iehòbhah Stigh ann am chreubh; Bha acras is pathadh Is fadal gu leòir A’ tarruing cho còmhla M’anam a’ d’ dhéigh. ’Nuair gheibhinnse sealladh Do aghaidh na glòir’ ’S a’ sgapadh a neòil Bhàrr aghaidh na gréin’; Sin chluichinn is sheinninn ’S bu shuim do m’ cheòl Bhi ’moladh do mhòrachd ’Thug mi o’ n Eiph ’t. Tha fìon agus bainne Gun ghainn’ air a’ bhòrd A neartach’ gach seòrs’ A tha anns an treud; ’S tha ’n Spiorad ’s an eaglais ’S gach deisciobul òg ’S am buachaille mòr ’Toirt cuireidh dhoibh féin. Ithibh a chàirdean De m’ fhuil is de m’ fheòil ’S mise bhur Ioseph ’Reic sibh do ’n Eiph’t; Ged thig sibh a cheannach Le airgiod ’n ’ur dòrn ’S ann gheibh sibh á m’ stòr-sa Gun òr is gun leug. Fàgaidh e ’n t-anam Ni ’s beartaich’ ri ’bheò Na Alastair mòr A cheannsaich an cè; O òlaibh is ithibh Is bithibhse beò ’Se Dia a chuir Ioseph Roimhibh do ’n Eiph’t. ’N uair a bhios cunnart ’S an uair a bhios bròn ’S an uair a bhios lòn ’N ar n-uireasbhuidh féin, ’Bhios cionnt air a’ choguis ’S an t-anam fo leòn ’S mise bhur Ioseph ’Reic sibh do ’n Eiph’t. (Ri leantuinn.) [TD 33-34] THE BANNER OF TRUTH. [Beurla] [TD 35] [Beurla] THE QUEEN’S ANTHEM IN GAELIC. [Beurla] Dia le ar Banrigh chaoimh, Saogh’l fad d’ar Banrigh chaoin, Dia le ar Banrigh! Buadhach a Mòrachd, Sona is glòrmhor, A’ rìoghachadh òirnne, Dia le ar Banrigh! O Thighearn Dhia bi ’n àird, Thoir crathadh air a nàimh Seargadh is eug; Tuairgnich an ìnnleachd bàis, Dìobair an fealltachd fhàs, Innte-s’ ar crì tha ’n sàs, Dia leinn gu léir. Bho phailteas sàr do stòir Nuas air Bhictoria dòirt; Fad gu ’m bi ’na ceann oirnn; Ar lagh gu ’n dean i dhìon. A ghnàth ’toirt aobhair fhìor Bhi ’seinn le guth ’s le crì Dia le ar Banrigh! W. R. [Beurla] [TD 36] [Beurla] [TD 37] “THUG THU BRATACH DHOIBHSAN D’AN EAGAL THU, GU BHI AIR A TOGAIL SUAS AIR SGÀTH NA FÌRINN” BRATACH NA FÌRINN PAIRT 3.] December, 1872. [LEABH. I. IAIN KNOX. DE uile mhinisteirean na h-Alba—agus is iomadh dhuibh a bha ’n an daoine comharraichte ann an làimh an Tighearn Iosa—feudaidh e bhi air a ràdh le cinnteachd nach ’eil aon diubh a tha ni ’s ainmeile na ’n duine urramach so. Bha Iain Knox mòr air iomadh dòigh. Bha e mòr a thaobh bhuadhan inntinn—a bha neo-ghnàthaichte—ro bharraichte. Bha e mòr ann an tiodhlacan gràis an Tighearn Iosa a bha air am buileachadh air ann an tomhas a bha ro phailt; agus bha e mòr mar an ceudna ann an ceangal ri toraidhean a shaothair. Is ann troimhe-san mar an t-inneal ann an làimh an Spioraid a bha Alba air a tiorcadh o dhorchadas na Pàpanachd gu bhi ’sealbhachadh soluis agus shochairean glòrmhoir, prìseil an t-Soisgeil bheannuichte,—feudaidh sinn a ràdh thairis air cinneach eile a bha riamh ’san Roinn-Eòrpa. Rugadh an duine ainmeil so ann an Gifford, fagus air baile Haddington anns a’ bhliadhna 1505, far an d’ fhuair e a’ cheud chuid de ’fhòghlum. An déigh sin chaidh e do Oilthigh Chillrìbhinn, far an robh e air a làn eideachadh, agus far an do choisinn e àrd ainm air son a chomasan ionnsachaidh. Bha Knox aig an àm so ceangailte ri Eaglais na Roimhe; agus e ’g a ullachadh gu bhi ’n a shagart innte. Ach chunnaic an Tighearna iomchuidh nach ann mar so a bhiodh a’ chuis. Trìd a bhi ’leughadh sgrìobhaidhean dhaoine diadhaidh mar a bha Augustine urramach, ach gu sònruichte fo theagasg Dheòrsa Wishart bha ’inntinn air a dùsgadh, air a soillseachadh, agus air a saoradh o bhuaidh mhearachdan marbhtach na Pàpanachd. Bha meas sònruichte aige air Wishart mar mhinistear o ’n d’ fhuair e mòr bhuannachd d ’a anam; agus an déigh a bhais thòisich e air searmonachadh nan teagasgan ceudna. Shaoileadh leosan ’n uair a chuir iad Wishart diadhaidh gu bàs gu ’n do chuir iad an solus as; ach las an Tighearna ann an Knox coinneal o ’n d’ thàinig dealradh nach robh idir ni bu tàire. [TD 38] An déigh bàis a’ Bheatonaich fhuiltich chaidh Knox do Chillrìbhinn, far an do shearmonaich e le mòr chomas agus le mòr dhrùghadh air cridheachan an t-sluaigh. Fo ’theagasg bha àireamh nach bu bheag de mhuinntir a’ bhaile air an iompachadh; agus air ball chuir iad cùl ri Eaglais na Roimhe; agus ghabh iad suipeir an Tighearna a réir na dòighe frithealaidh a tha air a meas anns an Eaglais Phrothastanaich a bhi a réir an Sgriobtuir. An déigh so, air dha bhi air a ruagadh le naimhdean, dh’ fhàg e Albainn agus chaidh e do Shasunn far an d’ fhan e bliadhnachan a’ searmonachadh an t-Soisgeil; agus far an d’fhàs a chliù cho ainmeil agus gu ’n do thairg an Rìgh dha a bhi ’n a àrd Easbuig. Dhiùlt e so do bhrìgh nach robh e ’g aontachadh ri rian-riaghlaidh na h-Eaglaise Sasunnaich. An déigh bàis an Rìgh so—Rìgh Edward VI. dh’ fhàg e Sasunn agus chaidh e do Gheneva, baile mòr Switzerland, far an robh sluagh lìonmhor aig an Tighearna. Anns a’ bháile so fhuair e eòlas air an duine urramach, Iain Calvin, a bha ’n a fhear-teagaisg an sin ann an Sgoil-na-diadhachd, agus mar an eeudna ’n a mhinistear anns a’ bhaile, agus a bha ’n a mheadhon air mòr sholus agus stéidheachadh a chomhpàirteachadh ri Iain Knox. Air do iompaidh dhéin a bhi air a cur air le maithean na h-Alba phill e air ’ais anns a’ bhliadhna 1555; agus air chùl a theagaisg am follais theagaisg e an uaigneas a’ mheud dhiubhsan ’s a bha iarrtusach air solus fhaotainn. Aig aon de na coinneamhan so fhreagair e gach ceist le a’ leithid de chomas, agus nach robh smid aig aon diubh ri ràdh. An sin dh’ éirich, Mr. Maitland, Triath Lethington, agus thubhairt e:—“Tha e ro shoilleir ri ’fhaicinn mar urrainn duinn freagradh fa chomhair dhaoine a thaobh an ni sin a tha sinn ag aideachadh nach ’eil ’s nach urrainn idir seasamh a bhi againn fa chomhair an Tighearna.” Am measg nan àrd uaislean a fhuair buannachd fo theagasg Iain Knox aig an àm so bha Diùc Iara-ghàidheil, Iarla Mhoraidh, Iarla Ghlinncàirn, agus an t-Iarla Mariscal;—flaithean a chaidh beagan an déigh so air ceann an t-sluaigh anns a’ ghluasad mhòr a rinneadh air taobh na fìrinn, agus an aghaidh Eaglais na Roimhe. Mu dheireadh na bliadhna so 1555, air dean iarrtus a’ choithionail a bh’ aige ann an Geneva phill e d’ an ionnsuidh, agus dh’ fhan e maille riu gus a’ bhliadhna 1557. Ach air dha litir fhaotainn o na h-Iarlachan a dh’ ainmeachadh phill e air ’ais a dh’ Alba; agus ’s ann aig an àm so fo làimh an Tighearna a bha ’n dùsgadh trìd an robh cumhachd na Pàpanachd air a thilgeadh bun os ceann anns an rìoghachd so gus an là ’n diugh. Bha so anns a’ bhliadhna 1557, air dha bhi dà fhichead bliadhna agus ceitheir-deug a dh’ aois. Rinn e a’ cheud searmon air a’ bhliadhna so ann am baile Dhundee—a rìs ann am baile Pheairt—an déigh sin ann am baile Chillrìbhinn; agus bha a’ leithid a dhùsgadh fo ’theagasg, agus a’ leithid de eud air a ghinntinn anns an t-sluagh an aghaidh iodhal-aoraidh, agus mhearachdan na Pàpanachd agus nach e mhàin gu ’n do thréig a’ mhòr bhuidheann eaglais na Roimhe, ach gu ’n do bhris iad sìos na tighean-aoraidh, agus na dealbhan d’ an robh iad roimhe so a’ géilleadh. Chithear gus an là ’n diugh, mar ann am baile Chillrìbhinn, dearbhadh air so, anns na ballachan loma briste a fhuair an laimhseachadh so, fo theagasg dhìleas agus dhrùighteach an duine so. “Brisibh sìos na nid,” thuirt Knox, “agus teichidh na ’fithich air falbh.” Thachair dìreach mar a thubhairt e; agus gu ’n deònaich Dia nach pill iad tuilleadh air an ais. An àite nan Sagart Pàpanach chaidh ministeirean an t-Soisgeil a shuidheachadh thairis air an t-sluagh anns gach baile; agus fhuair Iain Knox féin gairm gu bhi ’n a mhinistear ann an Dunéideann ’s a’ bhliadhna 1560 far an robh e gu là a bhàis. A. SINCLAIR. (Ri leantuinn.) [TD 39] PADRUIG MAC GILLEADHAIN. II. ANN an earrach na bliadhna 1830, air iarrtus comunn de Bhantighearnan ann an Dunéideann, bha Mr. Mac Gilleadhain air a shònruchadh air son coinneamhan a chumail an Lìte agus an Dunéideann, agus na Gàidheil fhiosrachadh ’n an tighean mar an ceudna. Bhuanaich e ris an obair so dà bhliadhna; bha mòr thlachd aige ’s an t-seirbhis, agus shoirbhich an Tighearna leis ’n a oidhirpean. Anns a’ bhliadhna 1832 chuir Mr. Mac Leòid agus càirdean eile ìmpidh air sgoil sgìr Uige a theagasg; bha ’s an àm sin déidh aig na boirionnaich uasal a chaidh ainmeachadh teachdaire a chur do Cheap Breatunn, agus fhuair muinntir Uige fios gu robh sùil aca air Mr. Mac Gilleadhain mar neach ro fhreagarrach air son an àite. Rinn sin ni ’bu déidheile iad air ’fhaotainn do’n sgìr’. Ghabh e ’n sgoil ann an tomhas mòr an aghaidh a thoile, agus bha aithreachas riamh air gu ’n d’ rinn se e; oir b’ e a bheachd gu ’m bu chòir dha an obair anns an robh e a leantuinn ann an sràidean agus caol-shràidean Dhunéidinn agus Lìte. Sgrìobh e na briathran a leanas mu ’n àm so, agus cha ’n ’eil teagamh nach ’eil againn annta mion chunntas air ’fhéin-fhiosrachadh. “‘Mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h-uile dhaoinibh, do bhrìgh gu ’n do pheacaich iad uile.’ Uime sin tha ’n cinne-daoine uile ’s an aon slochd, fo fheirg agus fo mhallachd Dhé. Ach an uair is e toil Dé, ’n a mhòr thròcair, dearbhadh a’ thoirt do ’n pheacach air a staid, agus air mar a sgrios e ’anam, agus a thug e eas-urram do uile bhuadhaibh Dhé, agus an lagha ag ràdh ris, ‘Is malluichte gach neach nach buanaich ’s na h-uile nithibh a tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh,’ ‘An t-anam a pheacaicheas bàsuichidh e,’ ‘O Israel sgrios thu thu féin,’ thig lagh Dhé do ’n choguis ’n a spioradalachd, mar shàighdibh teinnteach a’ dol troimpe á làmhaibh Dhé ’n a chorruich. Cha ’n fhaic e dad ’n a chridhe féin ach peacadh—ni a tha ’toilltinn ceart-dhìoghaltais Dhé. Bha ’m peacadh marbh ’s an anam; tha truaillidheachd a nis air a dùsgadh; tha a’ chuimhne air a beothachadh; agus tha e a’ faicinn gu ’n robh àite ’n a chridhe do ’n t-saoghal maille r’a dhìomhanasaibh, ach Dia agus a nithe air an druideadh a mach. Bha dùil aige roimhe so gu ’m fòghnadh ùmhlachd ‘ann an seanachd na litreach,’ ach a nis tha e a’ faireachdainn an lagha ’n a spioradalachd, ’n a fharsuingeachd, agus ’n a naomhachd. Thubhairt Dia ris ‘Bhris thu mo lagh uile; tha thu malluichte le mallachd; thoill thu ifrinn gu saoghal nan saoghal.’ ‘An àithne a dh’ òrduicheadh a chum beatha fhuaradh dhòmhsa chum bàis i.’ Mar so cha ’n ’eil dòchas air bith o ’n lagh, is ann a dh’ fhuadaicheas e an t-anam air falbh. Ach c’ àite? cha ’n ann gu fois, no dìdean; oir tha an lagh ag oibreachadh feirge; is e dìoghaltair na fola. Tha am peacach air ’fhéin-dhìteadh fo uamhasan an lagha, mar gu ’m bitheadh lasraichean ’n a uchd. ’N uair a sheallas e air ’ais tha e air a ghonadh ’n a chridhe; tha gnùis a’ Bhreitheimh ’n a aghaidh; tha gnùis a’ Mhic, agus an Spioraid, ’n a aghaidh; agus sin a chionn gu ’n d’ rinn e tàir air an t-soisgeul, agus tarcuis air obair an Spioraid. Tha ’choguis féin le craos fosgailte a’ togail fianuis bheothail ’n a aghaidh. Tha ’m Bìobull—tha ’n cruthachadh uile, a’ cur an aonta ri binn a’ Bhreitheimh. Tha ’n t-anam a nis marbh do ’n lagh, agus fuidh eagal gach tiota bhi air a thilgeadh gu ifrinn. Tha ‘claidheamh lasrach a’ tionndadh air gach làimh, a’ gleidheadh slighe craobh na beatha,’—slighe gu deadh-ghean Dhé. Ach tha e ’dol a dh’ ùrnuigh; tha àmhghairean a chridhe a’ meudachadh. Och! nach rachadh an Eaglais a dh’ ùrnuigh air mo shon. Bha latha ann ’s nach mòr meas a bha aige air ùrnuighibh sluaigh Dhé, ach a nise tha iad luachmhòr. Anns an t-suidheachadh thruagh leòinte so, ’n uair a tha e mar anns a’ mhachair fhosgailte, tha Dia ag amharc air; tha an Spiorad a’ foillseachadh Chriosda do ’n anam airsnealach; agus tha a shùilean air am fosgladh gu bhi [TD 40] ’faicinn tròcair Dhé ann an Criosd a’ teàrnadh anama caillte. Tha dìlseachd agus cumhachd Dhé a’ togail fianuis ’n a anam gu ’m beil an Tighearna deònach agus comasach peacaich a theàrnadh, agus tha e air a thoirt gu bhi ’gabhail Iosa mar a shlànuighear féin tre chreideamh. Tha e ’faicinn pailteis ann an Criosd, araon dha féin agus do gach neach a ghabhas ris. Tha nise gràdh aige do shluagh do aobhar, agus do Bhìobull Dhé. Tha e ’gabhail tlachd ann an ùrnuigh; tha e ’g a choisrigeadh féin ann an coimhcheangal, maille ri ’ùine, a mhaoin, agus a neart, do sheirbhis Dhé; agus tha a chridhe air a ghluasad le truas do pheacaich, a tha ’dol an comhair an cinn gu sgrios. Is éigin da gach cothrom a’ ghabhail air an spìonadh as an teine: tha aon anam do-labhairt luachmhor ’n a shealladh; théid e troimh theine agus uisge gu bhi ’n a mheadhon air a theàrnadh o ifrinn. “Tha tart air air son Chriosd, agus sin a’ fàs; tha e a’ faicinn ’fheuma ni ’s mò gach là, agus tha miann aige bhi air a cho-chumadh ri ìomhaigh a’ Mhic. Tha ’n saoghal so ’n a fhàsach dha, agus dùil aige ri glòir; ach is e cainnt a chridhe le eallach peacaidh ‘Och! is duine truagh mi; cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis so?’” Bha na càirdean air son Mr. Mac Gilleadhain a chumail aig an tigh, gu bhi n a mhinisdeir ’s a’ Ghàidhealtachd; ach bha rùn eile aig an Tighearna d’ a thaobh. Fhuair e gairm dhùrachdach ’s an àm so bho Ghàidheil ann an Ceap Breatuinn: b’ aithne do chuid diubh e ’n uair a bha e ’n a fhòghlumaiche; agus, an déigh a’ chuis a chothromachadh gu coguiseach an làthair an Tighearna, dhùin e ris a’ ghairm: agus chaidh a shònruchadh air son Nòbha Scotia, le clèir Lèoghais, ann an Steòrnabhaidh, am mìos mheadhonaich an t-samhraidh 1837. Sgrìobh e ’s an àm so mar a leanas: “Tha comhfhurtachd agam a bhi ’smaoineachadh nach ann air son buannachd shaoghalta ’tha mi a’ fàgail dùthaich mo bhreithe; mur ’eil mi air mo mhealladh is ann air son cur air aghaidh rìoghachd agus glòir Chriosd. O Thighearna Iosa cuidich leam ’s an obair mhòir a ghabh mi os làimh, agus gun annam ach meadhon lag. Is urrainn duitse nithe mòra a dheanamh le mo leithidsa. Is leatsa mi gu h-iomlan; gabh air làimh mi. Is tusa ’thubhairt, ‘Rach a mach á d’ dhùthaich, agus o d’ dhìlsibh. agus á tigh d’ athair, do ’n tìr a nochdas mise dhuit.’ Tha mi a’ creidsinn gu bheil Thusa comasach air m’ ullachadh air son gach dleasannais agus deuchainn. O! a bhi air mo chumail dlùth air Criosda ’n am anam; cheusadh so peacadh agus anamianna; bheireadh so air na gràsan fàs, agus chumadh e fo bhlàth iad. Is e mo dhùrachd gu ’m faighinn cuibhrionn dhùbailte de ’n Spiorad air son a sheirbhis, a chum ’s gu ’m bithinn feumail ’n am latha ’s ’n am linn.” I. MAC-A-PHEARSOIN. LAOIDH. FONN:—“For ever with the Lord.” Gach là a chì mi ’ghrian ’San iarmailt ’cur a réis Tha m’ aigne ’ruith a dh’ ionnsuidh Ios’ Ag iarraidh suas gu nèamh! Ochon nach peacach mi! A Thighearn gabh dhiom truas; Mo neart an cath nan gràs gun chlì; Troimh Iosa thoir dhomh buaidh. Thoir dhomh buaidh, thoir dhomh buaidh, Troimh Iosa thoir dhomh buaidh! ’N uair chromas ceò na h-oidhch’, Is soillse reulag shuas, Tha m’ inntinn trom mur faigh i boisg’ Air aoibh mòr ghlòir an Uain. Ochon, &c. ’N uair dhùisgeas guth nan salm Am marbh an fheasgair chiùin Tha brùiteachd gheur mo chridh’ a’ falbh, A’ sealbhach gràdh A rùin. Ochon, &c. ’N uair thig an t-Sàbaid shèamh, An là ’s an d’ éirich Criosd, ’S an cluinn sinn cliù a Mhaise Féin, Gu nèamh tha m’ uile mhiann. Ochon, &c. [TD 41] CRAOBH-SGAOILEADH AN T-SOISGEIL—COMHRADH. MAC.—Athair tha am maighstear-sgoile ag ràdh gu bheil duthchannan eile taobh thall a’ chuain? ATHAIR.—Tha sin fìor a mhic. Tha iomadh Tir Mòr anns an t-saoghal. Cha mhòr gu ’m biodh an t-eilean anns am bheil sinne a’ gabhail còmhnuidh air ’ionndrainn à map an t-saoghail. M.—Nach mòr an àireamh sluaigh a dh’ fheumas bhi ann! Gu dé an àireamh sgoileirean agus eaglaisean agus mhinisteirean mar an ceudna a dh’ fheumas a bhi ann! A.—Tha e fìor gu ’m feumadh an saoghal sin ach tha mòran de shluagh an t-saoghail so gun sgoilean agus gun mhinisteirean air a’ leithid a dhòigh ’s gu bheil a’ chuid a’ s mò ’n an luchd iodhal-aoraidh. M.—Am bheil idir fios aca gu ’n do chuir Dia a Mhac féin a shireadh agus a theàrnadh an ni a bha caillte? A.—Mo thruaighe cha ’n ’eil! Tha deichnear anns an t-saoghal ag iodhal-aoraidh mu choinneamh an aoin a tha ’g aoradh do ’n Dia bheò agus fhìor. Cha’ n ’eil ach ceithir fichead muillein agus cuig-deug (95,000,000) de Phrothastanaich anns an t-saoghal mu choinneamh còrr agus mìle de mhuilleinibh (1000,000,000) de luchd iodhal-aoraidh. M.—Car son a tha a’ chùis mar sin? Nach fheudadh Bìobuill agus ministeirean a bhi aca mar a tha againne? A.—Cha ’n ’eil iarrtus aca féin air eòlas na Fìrinn no comunn ri Dia na Fìrinn. Feumaidh mar sin an Soisgeul a bhi air a chur d’ an ionnsuidh air ar cosg féin; agus cha ’n ’eil airgiod ach mall a’ sruthadh chum na crìche sin. M.—Ach tha ar dùthaichean beartach. Nach d’ innis sibh dhomh o cheann ghoirid an àireamh mhuilleinibh punnd Sasunnach a tha air an caitheamh gach bliadhna ann an tombachda agus ann an deoch làidir? Nach fheudadh an t-airgiod sin a tha air a mhi-chaitheamh ’bhi air a thional air son an Soisgeul a chur a dh’ionnsuidh an luchd iodhal-aoraidh sin? A.—Tha do cheist rannsachail a mhic. Nam bitheamaid ag gràdhachadh an anman neo-bhàsmhor agus ag creidsinn gu bheil am Bìobull comasach air daoine a dheanamh glic a chum slàinte dheanamaid oidheirp nach ’eil sinn a’ deanamh air son solus agus eòlas a chraobh-sgaoileadh ’n am measg. M.—Nach ’eil sinn a’ nochdadh, athair, gu bheil mòran de luchd-aideachaidh a’ Chreidimh Chriosduidh ag amharc ni ’s mò ri an sòlasan féin, na ri coimhlionadh na h-àithne, “gràdhaich do choimhearsnach mar thu féin”? A.—Tha eagal orm gu bheil a’ chùis mar a tha thu ag ràdh, a mhic. M.—Nach robh sinn o cheann ghoirid a’ deanamh tionail air son ministeirean a chur a dh’ ionnsuidh dhùtchannan céin? Cia lìon Missionary a tha an Eaglais againn féin a’ cumail suas ’n am measg sin? A.—A Mhic tha nàire orm ìnnseadh nach ’eil aice aig an àm so ach fichead Missionary Roinn-Eòrpach. M.—Cia lìon ministeir a tha ann an Albainn? A.—Feumaidh gu bheil co dhiù trì mìle eadar mhinisteirean suidhichte agus shearmonaichean. M.—Is cinnteach ma tha an àireamh a tha a’ saothrachadh am measg nan cinneach cho tearc nach do chreid an àireamh mhòr aig a’ bhaile gur prìomh dhleasannas ùmhlachd a thoirt a dh’ àithne dheireannaich Chriosd,—Imichibh air feadh an t-saoghail uile, agus searmonaichibh an Soisgeul do gach dùil. I. MACAOIDH, M.A. (Ri leantuinn.) [TD 42] AITHREACHAS. II. Is gann is airidh e thabhairt fainear gur h e peacach a mhàin an t-aon chreutair do ’m beil e comasach aon chuid aithreachas a dheanamh, no aithreachas a bhi air a dheònachadh dha. ’S e creutair modhannail a mhàin, no creutair air a dhealbh le tuigse, coguis, agus saor-thoil do ’m beil e comasach a dhàimh dhligheach ri ’chruith-fhear a bhriseadh, no chur troimhe chéile air a’ leithid de dhòigh a ’s gu ’n tarruingeadh e air féin a dhiomb chothromach agus dhiadhaidh. Tha gnìomh ’s am bith a ni ’leithid sin de chreutair nach ’eil comh-shìnte, no ann an làn chòrdadh ri lagh Dhé, cho fad ’s ’tha ’n lagh sin air ’fhoillseachadh do ’n chreutair sin, ’na pheacadh no ’na bhriseadh air an lagh. Agus air an aobhar sin tha gach creutair a ta ciontach de leithid sin de ghnìomh am feadh ’s a ta e fathast fo fhrithealadh tròcair agus gràis air a ghairm gu cumhachdach le Dia gu bhi ’pilleadh ris-san tre aithreachas agus chreideamh an t-soisgeil. Tha ’n uiread sin aig a’ chuid a ’s lugha air fhilleadh am briathraibh Chriosd féin, “Oir cha d’ thàinig mise a ghairm nam fireanach, ach nam peacach chum aithreachais (Mata ix. 13).” Tha ’m focal aithreachas air a ghabhail ann an dà sheadh anns a’ Bhìobull. Tha e’ ciallachadh an iomlain de ’n atharrachadh no chaochladh sin tre ’m beil peacach air a philleadh o pheacadh gu fìrinteachd. ’S e so seadh an fhocail ann a’ leithid so de earrannaibh ’s an sgriobtur.—“Agus mar so b’ éigin do Chriosd fulang, agus éirich o na marbhaibh an treas là: Agus aithreacheas agus maitheanas bhi air an searmonachadh ’na ainm-san do na h-uile chinnich a tòiseachadh aig Ierusalem (Lu. xxiv. 47).” “Air an aobhar sin deanaibh-sa aithreachas agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gu ’m bi bhur peacanna air an glanadh as, ’nuair a thig amanna fionnuaireachd o làthair an Tighearn (Gniomh iii. 19).” Tha ’m focal aithreachas a’ ciallachadh mar an ceudna gnìomh no cleachdadh sin a’ pheacaich trìd am beil e ’deanamh bròin agus caoidh air son a pheacanna, ag iarruidh saorsa uatha, agus a’ dealbh rùin shuidhichte ’n a chridhe a chaithe-beatha ath-leasachadh. ’So an seadh ’s am beil an soisgeulach Mata a’ gnathachadh an fhocail ann an dà àite de a leabhar. Tha Eoin Baiste ag ràdh, “Gabhaibh aithreachas oir a ta rìoghachd nèimh am fogus (Mata iii. 2).” Agus tha Dia Eoin Bhaiste ’nuair dh’ fhoillseachadh e ann an cruth an t-seirbheisich a’ tabhairt na h-àithne ’s na gairme ceudna ann am Mata iv. 17. ’S e fìor sheadh àraidh an fhocail aithreachas anns a’ cheud chainnt caochladh inntinn no rùin mar thoradh meòrachaidh no beachd-smuainteachaidh. ’S e so a sheadh mar a ta e air a ràdh nach ’eil aithreachas maille ri Dia, “Cha duine e gu’n deanadh e aithreachas.” ’S e so a sheadh mar an ceudna leis an Sgrìobhadair chum nan Eabhruidheach ’nuair a ta e ’g ràdh nach “d’ fhuair Esau àit aithreachais ged dh’ iarr se e gu dùrachdach le deuraibh,” do bhrìgh nach robh e comasach dha atharrachadh ’s am bith a dheanamh air rùn suidhichte athar thaobh nam beannachdan a dh’ iarr agus a fhuair e air son Iacoib. ’N uair a ta am Bìobull ag ràdh gu ’n d’ rinn peacach aithreachas a ta e dìreach a’ ciallachadh ann an cainnt shimplidh shoilleir gu ’n do phill e o pheacadh gu Dia. ’S e so gu tric am fìor chùnntas sgriobturail air aithreachas. “Chnuasaich mi mo shlighean” deir an Salmadair, “agus phill mi mo chosan ri d’ theisteasaibh (Salm cxix. 59).” Aig coisrigeadh an teampuill a ta Solamh ag ràdh ’n a ùrnuigh, “Gidheadh, ma ni iad aithreacheas ’nan cridhe anns an tìr d’ an d’ thugadh ’nam braighdibh iad, agus ma dh’ iompaichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo ’nam braighdibh iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h-eucorach, rinn sinn gu h-aingidh; Agus mar so ma philleas iad a d’ ionnsuidh-sa le’n uile chridhe agus le’n uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo ’nam braighdibh iad, agus ma ni iad ùrnuigh riutsa rathad an tìre féin, a thug thu d’ an aithrichibh, rathad a’ bhaile a rogh- [TD 43] naich thu, agus an tighe a thog mi do t’ ainm; An sin éisd thusa o na nèamhaibh, t’ àite-còmhnuidh r’ an ùrnuigh, agus r’ an athchuinge, agus seas an còir (I. Righ viii. 47).” “Tréigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuainte; agus pilleadh e ris an Tighearn, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt (Is. lv. 7).” “A rìs, an uair a philleas an t-aingidh air falbh o ’aingidheachd a chuir e ’n gnìomh, agus a ni e an ni a ta dligheach agus ceart, gléidhidh e ’anam beò (Es. xviii. 27).” ’S e bhi ’tionndadh o aingidheachd gu Dia a bhi ’deanamh aithreachais, agus a bhi ’toirt a mach oibre iomchuidh an aithreachais. Ach mar a ta briathran ar buinn theagaisg a’ cur an céill gu soilleir gu ’m beil aithreachas ann a ta chum beatha, a ta iad cheart cho soilleir a’ filleadh annta gu ’m beil aithreachas ann nach ’eil chum beatha, no mar a ’s feàrr a ràdh am briathraibh an sgriobtuir gu ’m beil “bròn ann a ta ’g oibreachadh chum bàis.” A ta e air an aobhar sin do-labhairt feumail gu ’n rannsachamaid a mach gu dìchiollach inntinn Dhé mu thimchioll, ciod e sin a ta ’g aobharachadh, a’ dol a steach, agus a’ deanamh suas an aithreachais dhiadhaidh sin a ta ’g oibreachadh chum na beatha. EACHUNN CAMARON. (Ri leantuinn.) SEALLTUINN RIS A’ CHRANN-CHEUSAIDH. Ri peacadh b’ fhada lean mi dlù, Gun nàire orm no fiamh, Ach choinnich cuspair ùr mo shùil, ’Phill mi o m’ chùrsa dian. Do chunncas aon leam crocht’ air crann, An spàirn ’s an éigin chruaidh, A shuidhich orm a shealladh fann, ’S mi faisg do ’n chrann ’s an uair. An sealladh sud gu dearbh cha téid, A m’ chuimhne féin gu bràth; Chuir e, ar leam, gun fhosgladh béil, Gu sèimh á m’ leths’ a bhàs. Mo choguis dhùisg fo dhìteadh geur, Ghlac éigin mi gu teann; Oir chunnaic mi mo pheacadh féin, ’G a cheusadhs’ air a’ chrann. Mo thruaigh’! cha b’ aithne dhomh mo ghnìomh: Ach ’s dìomhain nis mo dheòir; Do m’ anam c’ àit’ am faigh mi dìon? Oir cheus mi Triath na glòir’. Ach sheall e rìs, is thuirt le gràdh, “Làn-mhaitheam t’ eucoir mhòr; Chaidh m’ fhuil-sa dhòrtadh ann ad àit’, ’S tre m’ bhàs bidh tusa beò.” Mar so mo pheacadh féin ’n a bhàs, Chi mi ro-ghràineil breun; Gidheadh chum cliù rùin-dìomhair gràis, ’S e ’bhàs mo shlàint’ gu léir. Le sòlas dubhach ’s le caoin bhròn, Mo chrì tha ’n còmhnuidh làn, Do bhrìgh gu ’n d’ cheus mi Triath na glòir’, Ach ’s beò dhomh troimh a bhàs. A. C. ORAN AN EILTHIRICH. Le armachd ’n uair théid mi A mach chum a’ bhlàir Cha ’n eagal, ’s cha sgàth Leam famhair na Féinn; Ged nach b’ urrainn mi imeachd Le armachd Shauil Bheirteadh fo m’ làimhse Goliah treun! Ged reic thu le d’ pheacadh Am buachaille mòr Chum aislingean Ioseiph Thionndadh gu bréig; An là na gainne ’San dh’fhosgail e ’n stòr Cha tus’ ach Iehobhah ’Chuir e do ’n Eiph’t. [TD 44] A shaoradh do bheatha Le fuasgladh mòr ’Nuair nach robh lòn Aig tigh Israeil, Thoirt mana mar aran Chum t’ anam thoirt beò ’S e Dia ’chuir Ioseiph Romhad do’n Eiph’t. Tha ionmhas nam flaitheanas Aige ’n a stor; Thig falamh gu leòir; Cha diùlt e thu ’d’ fheum; Cha ’n aicheidh e idir, Tha ’chridhe cho mòr Cha tus’ ach Iehobhah ’Chuir e do ’n Eiph’t. Ach feuch nach fear-brathaich Thu ’g aidmheil fo chleòc Ag iarruidh chum Ioseph A mhàin le do bheul; Bheir Dia dhiot an t-earradh A chealgair mhòir ’S tha fiosachd gu leòir Aig Ioseiph e féin. Ach ma thàinig ort gainn’ Agus anshocair mhòr Is thusa lc deòin Ag iarruidh na déirc’; Tiomachaidh a chrì Le gearan do bheòil— Cha tus’ ach Iehobhah ’Chuir e do ’n Eiph’t. Thig thus’ dhomh am fagus Is tabhair dhomh pòg Is faic mar rinn Tòmas Gur ni e gun bhréìg; Sàsuich do chreideamh Le beantuinn de m’ mheòir, Tha cnàmhan is feòil Aig Ioseph e féin. ’Se am bràthair a’ s sin’ e Le Tighearn na glòir’ ’Se am fear nuadh pòsd’ e D’a Eaglais féin; ’Se a dh’ fhosgail a chrì Do ’n pheanas ’bha mòr, ’S do chupan an dòlais ’Thug e do ’n eug. Ach dh’ éirich an gaisgeach Is chaidh e gu glòir Is thiormaich na deòir O shùilean a naomh; Is bheir e iad dhachaidh Chur phalm ’n an dòrn ’S a sheinn air a ghlòir Fad saoghal nan saogh’l. Gabhaibhse misneach Tha ’g ìmeachd le bròn Siabaidh e ’n deòir O rosgaibh a shluaigh; ’S crùnaidh e ’n t-anam Le aoibhneas cho mòr ’S nach falaich na neòil A sholus gu buan. ARAN BRISTE. Tha ceithir ainmean aig Criosdaidhibh air an toirt bho na ceithir àrd ghràsaibh. Naoimh airson an naomhachd; Creidich airson an creidimh; Bràithrean airson an gràidh; Deisciobuil airson an eòlais. Tha sgeul drùighteach air aithris mu Cheann-cinnidh nan Griogaireach, a thuit leònta le da pheileir am blàr Phrestoinpans. ’Nuair a chunnaic na Griogairich gu’n do thuit an ceannard, sheas iad an iomadh-chomhairle, ’s leig iad leis an nàmhaid cothrom fhaighinn orra. Air do ’n t-seann laoch toradh a’ sgiorraidh fhaicinn thog se e féin air ’uillein, an fhuil a’ taosgadh as a lotaibh ré na h-ùine, agus ghlaodh e le guth cruaidh, “Cha ’n ’eil mi marbh mo chlann; tha mo shùil oirbh a dh’ fhaicinn gu ’n dean sibh bhur dleasannas.” Thog na briathran sin misneach nan Gàidheal calma. Bu leòir dhaibhsan gu ’n robh sùil an Ceannaird orra. Chuir iad a mach an neart ’s an treis gu buaidh a thoirt air an nàimhdibh. ’S nach ’eil e ’n a aobhar misnich duitsa, O chreidich, gu ’m bheil thu ’cathachadh anns an t-saoghal so fo shùil do Shlànuighir. Ge be àite am bheil thu; cia mar air bith a tha thu air do shàruchadh le d’ nàimhdibh, no air do chlaoidh ann an cath cruaidh ris an olc, tha sùil Chriosd làn do ghràdh suidhicht’ ort. Ach cha ’n e Criosd a mhàin a ta ’beachdachadh air do ghiùlan. Tha thu ’d’ “bhall-amhairc do ainglibh.” Tha thu cuairtichte le neul re mhòr do fhianuisibh. Tha ainglean agus spioradan dhaoine, cuid an gràdh’s cuid am fuath, a’ coimhead air do ghnìomharaibh. Mar so tha cluiche do bheatha air a deanamh òirdhearc, agus tha thu air do ghluasad gu strìth chalma, smearail agus leanailteach a dheanamh airson na beatha maireannaich. D. MACMHUIRICH. [TD 45-52] THE BANNER OF TRUTH. [Beurla] [TD 53] “THUG THU BRATACH DHOIBHSAN D’AN EAGAL THU, GU BHI AIR A TOGAIL SUAS AIR SGÀTH NA FÌRINN” BRATACH NA FÌRINN PAIRT 4.] Mairt, 1873. [LEABH. I. IAIN KNOX. II. BHA Iain Knox ro dhìleas ’n a theagasg; agus ’n a nàmhaid mòr do ’n pheacadh. Ged bhiodh an Rìgh féin anns an éisdeachd cha ’n obadh e focal an Tighearn a labhairt, co dhiubh a thaitneadh no nach taitneadh e ris. Thog so mòr ghamhlas ’n a aghaidh, ach ghléidh an Tighearn e ’n a ghlaic gus an do chrìochnaich e ’obair agus a thuras ann an sìth. Air an làimh eile bha meas sònruichte aige air daoin’ uaisle diadhaidh a bha ’cumail suas na brataich anns an inbhe anns an robh iad. Dhiubh so bha Iarla Mhoraidh—àrd Riaghlair na rìoghachd mu ’n d’ thàinig Rìgh Seumas VI. gu aois. Chaidh an duin’ urramach so a mharbhadh air sràid Linlithgow le neach a bha air a thuarasdalachadh leis na Pàpanaich gu so a dheanamh. Bha a bhàs ’n a bhriseadh cridhe do Iain Knox, ach ’n a aobhar gàirdeachais do nàimhdean. Thachair so ’s a’ bhliadhna 1570. Air do Knox a bhi ’searmonachadh air an t-sàbaid an déigh so, chuireadh ’n a làimh maille ri paipearan eile, paipeir air an robh an sgrìobhadh so—“Thoir beò an duine a bha thu a’ meas mar dhia”—’s e sin a bha mar a thubhairt sin ro mheasail aige. An déigh na searmoin rinn e caoidh mhòr am fianuis a’ choithionail air a shon; agus nochd e an call a thàinig air an rìoghachd le ’bhàs. “Tha aon ’s a’ chuideachd so,” thuirt esan, “a tha glé mhireagach air son a’ mhuirt so; a tha ’n a aobhar bròin do shluagh an Tighearna. Ach tha mise ’g innseadh dha gu ’m bàsaich e ann an tìr aineolaich, far nach bi caraid aige gu ’cheann a chumail suas.” Dh’ aidich an duine a rinn am paipeir ud do phiuthar baintighearna Thrabrown gur h-e a rinn e; ag ràdh gu ’n robh Knox ’n a bhoile ann a bhi a’ labhairt mar sud agus e gun fhios aige co a rinn e. “O,” thuirt ise agus deòir ’n a sùilean, “chì thusa nach tuit smid de na thubhairt Knox gun a bhi air a choimhlionadh.” Agus mar a thubhairt thachair. Bhàsaich am fear so anns an Eadailt air an t-slighe do ’n Ròimhe, gun aon duine fagus da gu cabhair a dheanamh air. [TD 54] Anns a’ bhliadhna 1572 dh’ fhàs Knox cho anmhuinn ’n a phearsa, agus gu ’n robh ministear eile, Mr. Lawson, air a shuidheachadh maille ris gu bhi ’g a chòmhnadh anns a’ mhinistrealachd. Shearmonaich e air an là so a shearmon dheireannach, ag gabhail a chead do ’n phobull, ni a chuir fo throm mhulad iad. Cha d’ fhàg e a thigh an déigh so; agus dh’ fhàs e gach là ni bu laige, gus an d’ thàinig crìoch a thuruis. Bha na briathran so gu tric air a bhilean air leabaidh a bhàis. “Thig a Thighearn Iosa. Iosa bheannuichte, ann do làmhan, tha mi tiomnadh mo spioraid. Bi tròcaireach do d’ Eaglais a cheannuich thu. Thoir sìth do ’n Rìoghachd so. Tog suas aodhairean dìleas. Deònaich fuath iomlan do ’n pheacadh.” Ri Mr. Johnston thubhairt e—“O cheann dà oidhche tha mi ’tagradh air son na h-Eaglais; air a fuathachadh leis an t-saoghal, ach prìseil ’n a shuilean-san. Bha mi ’cogadh ri Sàtan; a tha a’ sìor theannadh orm. Fhuair mi buaidh. Tha mi mar gu ’m bithinn ann an nèamh; bhlais mi air aoibhneas na flaitheanais!” Ri neach eile thubhairt e—“Tha mi saor o phéin, tha mi ’sealbhachadh fois mo Thighearna. Tha mi deònach luidhe an so seachd bliadhna, ma ’s i so toil mo Thighearna.” Ri neach eile thubhairt e—“Ré mo bheatha thug an Diabhul iomadh ionnsuidh orm, gu mo thoirt gu eu-dòchas air son mo pheacanna. Ach thug Dia a’ bhuaidh dhomh. A nis tha an Diabhul air dòigh eile ghabhail; agus ’g am aomadh gu mo dhòchas a thogail air mo shaothair am fìon-lios an Tighearna. Ach chuir mi ’n ruaig air leis na briathran so ‘ciod a tha agad nach d’ fhuair thu.’ Tha an cath a nis air tighinn gu ceann; agus gu h-aithghearr théid mi, gun phéin colna, no trioblaid inntinn, as an t-saoghal thruagh thrioblaideach so, gu bhi sona an seilbh air a’ bheatha sin, air nach tig ceann no crìoch gu saoghal nan saoghal!” An déigh so leugh a bhean aige an seachdamh caibideil deug de ’n t-Soisgeul a réir Eòin, “far,” thuirt esan, “an do thilg mi m’ acair air tùs. An sin chaochail e gu ciùin mar gu ’m b’ ann a bhitheadh e a’ tuiteam ’n a chodal; agus ghabhadh e a steach a dh’ ionnsuidh aoibhneas a Thighearna. Aig ’adhlacadh air doibh a bhi ’leagadh na ciste sìos, thubhairt Iarla Mhortoin—àrd Riaghlair na Rìoghachd aig an àm ud—“Sin duine air nach do chuir gnùis riamh eagal; air an robh bàs gu tric air a bhagar, ach a chrìochnaich a thurus fa-dheòidh ann an sìth.” Bha Iain Knox ìosal ’n a phearsa; bu duine beag e anns an t-seadh so. Ach mar a thubhairt neach mu ’thimchioll,—“Cha ’n fhios domh gu ’n do dheònaich Dia riamh an Alba, spiorad cho gaisgeil ann an coluinn cho anmhuinn, no tomhas cho mòr saibhear de thiodhlac an Spioraid Naoimh ann an aon duine air bith eile anns an Eaglais ’s an rìoghachd so.” “Gu ’n deònaicheadh Criosda Gibht’ eile cho fiachail thoirt duinn; Am measg mhaca nam fàidhean Gu ’n Spiorad nan gràs air a roinn Chum a’ measg-sa gu ’m fàsadh Na sheasadh dhuinn àite an Naoimh A spìonadh le bàs uainn ’S a thaisgeadh fo fhàdaibh an fhuinn.” A. SINCLAIR. LAOIDH NA BEATHA. Gur tric an so fo leòn mi Am fàsach brònach airsnealach; ’S mo chridhe làn de thruailleachd ’S nach fhaigh mi buaidh an cabhaig air; Am maith sin a bu mhiann leam Cha ’n fhaigh mi seòl gu dheanadh ’S an t-olc sin nach bu mhiann leam Gur cianail mi gach latha leis. Ged gheibh mi sìth air uairibh, Tha ’n truailleachd so cho leanailteach, ’S gu ’n goid i bhuam mo shaorsa, ’N uair shaoileas mi nach caraich i; ’N uair sheallas mi ’n a dhéigh sin Ri ìobairt a’ chroinn-cheusaidh, Bheir sid dhomh sìth nach tréig mi Gach ceum a ni mi ’leanailt-san. [TD 55] Tha ìnnleachdan aig Sàtan A chum mo chràidh ’s cha ’n annamh leis; Tha ’shaighdean annam daonnan ’S iad air gach taobh ’g am lagachadh; Ach gheibh mi buaidh gu seòlta Leis na h-airm a dh’ innis Pòl duinn, Sgiath is claidheamh còmhraig, ’S mar chlogad, dòchas fhlaitheanais. Ged tha mi bhos ’s an fhàsach Glé airsnealach air alaban, ’S e so mo dhòchas làidir An déigh gach cràidh is fulangais, Gu ’m faigh mi sealbh ’s a’ ghlòir ud, A bheir dhomh sìth is sòlas, A’ seinn air cliù do mhòrachd Le òighean òirdhearc fhlaitheanais. Théid mi thar amhuinn Iòrdain An dòchas ris an fhearann ud ’S am faigh mi sìth is sòlas Is glòir a bhios ro-mhaireannach. Mo nàimhdean bidh fo m’ shàiltean, Is gheibh mi buaidh ’s an là ud ’S bidh m’ anam air a shàsuch’ ’S gu bràth cha bhi mi ainniseach. Tha glòir an còmhnuidh ’soillseach’ Gu buadhmhor air a’ chathair ud Is cha bhi oidhch’ ni ’s mò ann Ach solus glòrmhor dealrach; ’S e Dia e féin is soills’ ann ’S ni e mo chridhe aoibhinn, Is bidh mo bheul a’ seinn dha Le co-sheirm aoibhinn chaithreamach. Tha craobh na beath’ a’ fàs ann, ’S gu bràth cha bhi mi ocrach, Tha ’n tobar chaoidh nach tràigh ann, ’S gu bràth cha bhi mi tartmhorach; Gheibh mi crùn de ghlòir ann Is deis’ a ni mo chòmhdach ’S o ’n mhaireas Dia ’n a thròcair Mo stòr-sa bithidh maireannach. ’N uair gheibh mi còir ’s an oighreachd Gur h-aoibhinn leam an sealladh so; ’N sin chì mi gnùis na Tì sin A cheannaich mi fo ’n mhallachda. Is ged a leagadh sìos e ’S an duslach gu ro-ìosal Chaidh àrdachadh gu sìorruidh Chum deas laimh Rìgh na flaitheanais. Gach deur ’bhios air mo ghruaidhean Ni Triath nam buadh an glanadh duibh, ’S m’ aghaidh ni e ùngadh ’S ni ’ola chùbhraidh maiseach mi. Gu suipeir bainns’ an Uain Ni e m’ fhàilteachadh le buadh-ghair Is cha tig olc no buairidhean Na crì na truaigh am charraibh-sa. ’N sin slàn le truailleachd Nàduir, Is slàn le cràdh ’s le fulangais, Slàn le cuilbheirt Shàtain, Gu bràth cha till iad tuilleadh rium; ’Slan le dragh an t-saoghail, A thoil-inntinn is fhaoineis, Gu bràth cha tig a’m’ smaointinn-s’ A chum mo shaors’ a mhealladh uam. “AM BALLACH MUILEACH.” AITHREACHAS. III. THA fìor aithreachas dealaichte o gach bròn eile a dh’ fheudas éiridh ’n a ainm no ’n a chruth ann an so,—gu ’m bheil e ’sruthadh o fhìor eòlas air na tha air fhilleadh ann an ràdh so an Sgriobtuir, “nithe Dhé”; ’s e sin gu ’m bheil e ’teachd o Spiorad Dhé; oir cha ’n urrainn neach ’s am bith eòlas a ghabhail air nithe Dhé ach le Spiorad Dhé. Leis a’ chainnt sin ’n a seadh àraidh sgriobturail, “nithe Dhé,” tha sinn gu bhi tuigsinn nithe spioradail nach gabh a bhi air am fòghlum aon chuid o oibribh cruthachaidh agus freasdail Dhé, no o bhuadhan reusain agus coguis an duine. Tha sùil aig a so gu sònruichte ri fìor nàdur agus droch thoillteanas a’ pheacaich, maille ri eucomas modhannail a’ chreutair gu dol as o ’n fheirg sin a ’s e peanas agus tuarasdal dligheach a’ pheacaidh agus ri nàdur deadh ghean Dhé air fhoillseachadh tre Fhear-saoraidh air a cheusadh. Air an aobhar sin tha Criosd féin ag ràdh gur e àrd dhreuchd an Spioraid a bhi toirt dearbh shoilleireachd do ’n t-saoghal mu pheacadh mu fhìreantachd agus mu bhreitheanas. As eugmhais obair éifeachdaich an Spioraid tha e eucomasach cleachdadh a thoirt do aithreachas chum beatha. Tha Calbhin ag ràdh gu ’m beil fìor ghliocas a’ co-sheasamh gu h-àraidh ann an dà ni, eòlas [TD 56] air Dia, agus eòlas air peacadh. Tha ’n dà eòlas so neo-sgaraichte ann an oibreachadh an aithreachais sin a ta chum na beatha maireannaich. Ged a ’s e geur-mhothachadh air peacadh a’ cheud earrann deth obair an Spioraid cha ’n ’eil an sin uile ach buaidh agus toradh eolais air nàdur agus cliù Dhé. Is ann o eòlas air ciod e Dia mar air fhoillseachadh ann an sgàthan lagh nam modhanna a ta am peacach ’g a fhaicinn féin ’n a chreutair dòruinneach truagh, bochd, dall agus lomnochd (Taisb. iii. 17). Tha ’n t-eòlas so ’g a sparradh gu bhi ’g iarruidh eòlais air Dia ann an gnùis Iosa Criosd. “Oir is e Dia a thubhairt ris an t-solus soillseachadh á dorchadas a dhealraich ann ar cridheachaibh-ne a thoirt soluis eòlais glòire Dhé ann an gnùis Iosa Criosd (II. Cor. iv. 6).” Cha ’n ’eil fìrinn air bith a ta ’m Bìobull a’ teagasg ni ’s soilleire na gu ’m beil fìor aithreachas ag éiridh o bheachd ceart mu nàdur is bhuadhan Dhé. Tha cainnt Ioib a’ filleadh innte féin-fhiosrachadh diadhaidh gach fìor aithreachain. “Le éisdeachd na cluaise chuala mi thu; ach a nis chunnaic mo shùil thu. Uime sin gabhaidh mi gràin diom féin, agus ni mi aithreachas ann an duslach agus an luath (Iob xlii. 5-6).” ’S e féin-ghràin agus aithreachas toradh agus buaidh seallaidh sùla de Dhia. Mar so tha obair Dhé ’s an anam o là a toiseachaidh gu là a crùnaidh air a giùlan air a h-aghaidh tre nuadh fhoillseachaidhean air Dia. ’S e glòir, òirdhearcas agus gràs Dhé an solus a ta ’g oibreachadh aithreachais shoisgeulaich agus a’ deanamh an duine mothachail air nàdur gràineil agus fuath-thoillteanach a’ pheacaidh. Tha eòlas peacaidh aig stéidh gach fìor aithreachais, agus foillseachadh air gloine agus mòrachd uamhasach Dhé aig stéidh gach fìor eòlas peacaidh. Tha Dia anns an lagh, agus tre ’n lagh tha eòlas peacaidh. Tha Spiorad Dhé ag oibreachadh air anamaibh tre ’n fhocal. Ann an obair dearbh shoilleireachd mu pheacadh ’s an tre ’n lagh gu sònruichte tha ’n Spiorad ag oibreachadh. ’S e ’n lagh a ta ’toirt mothachadh peacaidh. ’S e a bhagraidhean agus a mhallachdan uamhasach a ta’ ginntinn mothachaidh air mòrachd, ùghdarras, agus eud iongantach Dhé, mar gu ’m b’ eadh anns an dearbh dhòigh ’s an robh sin air a dheanamh aithnichte do chloinn Israeil, le tàirneanaich, crith-thalamhainn, teine dian-loisgeach, fuaim na trompaid, agus guth nam briathra. Chriothnaich an sluagh uile bha ’s a’ champ, agus thuirt iad na labhradh Dia ruinn air eagal gu ’m faigh sinn bàs. “Uime sin b’ e ’n lagh ar n-oid fhòghluim g’ ar treòireachadh gu Criosd.” ’S e ’n lagh a ta ’dearbhadh cionta agus a’ druideadh beòil dhaoine. “Oir ge b’ e nithe ’ta ’n lagh a’ labhairt ’s ann riu-san a ta fuidh ’n lagh a ta e ’g an labhairt; chum gu druidear gach uile bheul, agus gu ’m bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianuis Dé.” ’S e ’n lagh a ta marbhadh dòchais dhaoine ’n am fìreanteachd féin. “Oir a ta mise tre ’n lagh marbh do ’n lagh chum gu ’m bithinn beò do Dhia.” Mar is e so a’ cheud cheum deth nàdur aithreachais shlàinteil is i an ath phuinc air am beil rùn orm beachdachadh a ris. EACHUNN CAMARON. PADRUIG MAC GILLEADHAIN. ANN am mìos deireannach an t-samhraidh 1837 sheòl e o Ghrianaig maille ri mòran eile de gach seòrsa, agus cuid dhiubh sin cho làn de gach olc agus mi-bheus agus a tha ’n t-ubh de ’n bhiadh. Bha e ’guidhe gu h-uaigneach gu ’n teàrnadh Dia cuid de na gualladairean bochd aineolach a bha ’seòladh maille ris; bha e ’cumail aoraidh, agus a’ searmonachadh an uair a cheadaicheadh an aimsir; agus bha ’anam gu tric air a chràdh le giùlan mhi-naomh a cho-luchd-siubhail; ach chuir sud esan gu a ghlùinibh air a shon féin, agus airson a cho-pheacaich air bòrd. An déigh a bhi an cunnartaibh ’san fhairge ràinig iad caladh air crìch ceud mhìos an fhogharaidh, agus thòisich Mr. Mac Gillead- [TD 57] hain, air ball air saothrachadh a latha ’s a dh’ oidhche gun sgur. Chuir e suas a dhachaidh ann an Uaicocomah; bha ’n raon farsuing m’ a thimchioll; ach bha ’chridhe mòr ’na theine, le gràdh d’a obair, a’ gluasad buadhan farsuing agus bodhaig làidir agus chuimseach; agus ged bha ’obair cruaidh, rinn a ghràdh taitneach i. Thàinig an sluagh a mach a dh’ èisdeachd ’n an treudaibh mòra; bha àireamh lìonmhor air an dùsgadh gu cùram mu ’n anam: agus ’s a’ bhliadhna 1840 bha ’n t-athleasachadh n’ i bu chomharraichte; bha a làmhan làn, eadar sgoilte, craobh-sgaoileadh leabhraiche, reiceadh bhìobull, searmoineachadh an t-sòisgeil, seòlaidhean do mhuinntir fo chùram, baisteadh, agus pòsaidhean; agus gun neach aige ’n a bhothan a ghabhadh cùram deth ach luchd tuarasdail. Bha e aig àm àraidh, air a shlighe dhachaidh air a ghlacadh, ’s an oidhche ro dhorch, le ànradh uamhasach; b’ éigin da fuireach ré na h-oidhche ann am bothan fiodha, nach robh ach dà throidh dheug air fad, agus deich air leud; agus bha iad ’g itheadh ’s a’ codal ann, a’ chlann, maille r’ an athair agus am màthair, an seanair agus an seanmhair, agus gamhainn dubh ceithear-chosach! Aig àm eile bha e ’dol gu coinneamh Cléire fad as, agus ann am mòr chabhaig; bha e ’n cunnart a bhi air a losgadh leis a’ choille troimh an robh e ’dol a bhi ’n a teine, agus meanglain a’ tuiteam m’ a cheann féin agus mu cheann an eich neo-iasguidh a dh’ fheuch e a ghreasadh le éill agus spuir; ach fhuair e air adhart gu teàruinte. ’S a’ bhliadhna 1841 chaill e tomhas de a shlàinte, agus cha b’ ìoghnadh e (ged bha e cho slàn ris a’ bhreac an uair a thòisich e ri a shaothair ’s an àite so); rùnaich e ’aghaidh a chur air tìr a dhùthchais. Sgrìobh e anns a’ bhliadhna 1842—“Thàinig mi dh’ ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu ’m feum mi innseadh do ’n t-sluagh gur h-éigin domh am fàgail am bliadhna; chaith mi an oidhche am mòr amhghar”—; agus an uair a dh’ innis e sin ghuil an sluagh gu goirt, agus ghlaoidh iad gu mòr. Chuir a’ Chléir iompaidh air fuireach; ach chunnaic e gu ’m b’ e a dhleasannas falbh, agus cha chumadh ni air bith e ’n uair a thubhairt an Tighearna, “A nis éirich a mach as an tìr so, agus pill gu tìr do dhìlsean.” Bha ’n dealachadh ro dhuilich; bha cuid a’ gal, agus cuid eile a’ fannachadh air a’ chladach; is ann a bha ’n sgarachdainn coltach ri tuireadh nan Ephèsianach ann an dealachadh ri Pòl air an tràigh. ’N uair a chunnaic a chàirdean aig an tigh a choslas ghabh iad eagal gu ’n robh a shlàinte cho briste ’s nach deanadh e tuille obair ’s an fhìon-lios; ach an ceann beagan ùine dh’ aisigeadh a shlàinte dha, agus thòisich e air searmonachadh. Bha ’bhliadhna so (1843) ’n a bliadhna catha do Eaglais na h-Alba, ach cha do bhean e ris a’ chòmhstri ’s an àm; oir b’ e a rùn anama mairbh a dhùsgadh, agus tairgse shaor an t-soisgeil a thabhairt do na peacaich; gidheadh chaidh e gu cridheil maille riutha-san a lean an t-Olla Chalmers. I. MAC-A-PHEARSOIN. (Ri leantuinn.) TEACHD GU CRIOSD. Ceart mar a tàim—gun ni a’ m’ làimh, Ach toilltinneas do bhàis a mhàin, Air cuireadh fialaidh saor do ghràis— Uain Dé, dhuit thigeam dlù. Ceart mar a tàim—’s gun fhuireach seal Gu m’ ionnlad féin o lochd no smal, Oir glanaidh t’ fhuil mi o gach sal— Uain Dé, dhuit thigeam dlù. Ceart mar a tàim—gun tàimh iomluaisgt’ Le iomadh còmhrag ’s imcheist thruaigh, Le eagal stigh, muigh cogadh cruaidh— Uain Dé, dhuit thigeam dlù. Ceart mar a tàim—bochd, dall, is truagh, Chum sealladh, saoibhreas, ’s leigheas buan, Seadh chum gach beannachd fhaotainn uat— Uain Dé, dhuit thigeam dlù. Ceart mar a tàim—’s cha diùltar mi, Ach fàilte’ is saorsa gheibh gun dìth; Do bhrìgh gu ’n d’ chreid mi t’ fhocal fìor, Uain Dé, dhuit thigeam dlù. Ceart mar a tàim—oir bhris do ghràdh Gach bacadh sìos, is dh’ ullaich slàint’; Nis gu bhi leat, seadh, leats’ a mhàin— Uain Dé, dhuit thigeam dlù. EADAR-THEANGAICHTE LE A.C. [TD 58] DARA TEACHD CHRIOSD. DARA teachd Chriosd, agus suidheachadh na h-Eaglais d’ a thaobh:— “A ta an Tì a tha toirt fianuis air na nithibh so ag ràdh, Gu deimhin a ta mi a’ teachd an aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearna Iosa.”—Taisbean. XXII. 20. Bha Eaglais an t-Seann Tiomnuidh a’ sealltuinn air a h-aghaidh ri teachd Chriosd ann a ghràs. Tha eaglais an Tiomnuidh Nuaidh a’ sealltuinn air a h-aghaidh ri a theachd ann a ghlòir. Tha Eaglais an Tiomnuidh Nuaidh air a suidheachadh eadar a dhà theachd—a theachd ann an gràs, agus a theachd ann an glòir. Tha ’n t-Abstol a’ labhairt air an dà fhòillseachadh so ’s an litir a chum Thìtuis; “Oir dh’ fhoillseachadh gràs slàinteil Dhé do na h-uile dhaoinibh . . Agus a nise tha sùil againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhoin foillseachadh glòrmhoir an Dé mhoir.” Le foillseachadh gràis as a déigh agus foillseachadh glòire roimpe tha ’n Eaglais a’ gluasad air a h-aghaidh tre ghràs gu glòir. Tha araon an Eaglais agus an t-anam gràsmhor gu bhi a’ cumail an dà fhoillseachadh so ’n am beachd daonnan, ach buinidh e dhoibh gu sònruichte so a dheanamh aig bòrd comunnachaidh. Air beinn an òrduigh tha thu mar gu rachadh tu suas air Nebo, gu mullach Pisgah, agus sin a chum beachd a ghabhail air an dà fhoillseachadh so—Criosda ’n a ghràs agus Criosda ’n a ghlòir; oir is ann tre ’n cheud fhoillseachadh a chaidh an tìr mhaith ris am bheil do dhùil a chosnadh air do shon, agus is ann tre ’n dara foillseachadh a gheibh thu sealbh air an àite mu ’m bheil an t-iomradh, “Cha n-abair am fear-àiteachaidh gu bràth tha mi tinn, agus gheibh an dream a ta chòmhnuidh ann am peacanna a mhaitheadh dhoibh.” Tha ’n dà bheachd so air an cur ri t’ aghaidh aig bòrd comunnachaidh, “Cia minic agus a dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’ òlas sibh an cupan so tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna gus an tig e.” Tha a bhàs agus a theachd a rìs air an toirt ri ar n-aghaidh le chéile aig bòrd an Tighearna. Tha gnè fhaireachdainn againn dhe ’n t-seòrsa so, nach ’eil an fhìrinn chudthromach air am bheil ar ceann-teagaisg a’ deanamh luaidh air a toirt ri ’r n-aghaidh cho tric ’s bu chòir dhi a bhi aig amanna comunnachaidh, agus a thaobh so nach ’eil an ni glòrmhor so a’ faotainn an t-àite ann am faireachdainn nan creidmheach a bhuineas da. Tha dà ni anns an earrainn ris an iarramaid amharc le sùil ri còmhnadh an Spioraid. Anns a’ cheud àite—An teachdaireachd dheireannach a chuir Criosd a chum na h-Eaglais a thaobh a dhara teachd. Anns an dara àite—Am freagradh a thug an Eaglais do ’n teachdaireachd so;—no suidheachadh na h-Eaglais a thaobh a dhara teachd. I. An teachdaireachd: “A ta an Tì a tha ’toirt fianuis air na nithibh so ag ràdh, Gu deimhin tha mi a’ teachd an aithghearr.” Tha co-chòrdadh air leth eadar an teachdaireachd mu dheireadh a thugadh do Eaglais an t-seann Tiomnuidh, agus sin a tha ’n Tighearn a’ toirt cho tric dhi ’s an leabhar so. “Feuch cuiridh mise mo theachdair agus ullaichidh e mo shlighe romham, agus thig an Tighearn a tha sibh ag iarraidh gu ’theampull gu grad; eadhon teachdair a’ choimh-cheangail anns am bheil mo thlachd. Feuch, thig esan deir Tighearna nan sluagh; ach cò a dh’ fheudas là a theachd a’ ghiùlan? Mal. iii. 1-2. A nis tha mi ’smuaineachadh gu robh an dà fhoillseachadh an so ri aghaidh an fhàidh—foillseachadh Dhé ann ar nàdur mar Dhia na slàinte, agus ’fhoillseachadh ann a ghlòir. Bha iad so mar dhà sholus ’s an aon loinn—fear dhiubh mar am bogha-frois, agus am fear eile geal mar aghaidh na gréine,—gràs sgrìobhta air fear dhiubh, agus glòir air an fhear eile; agus theagamh gu bheil ràdh dearg a’ bhreitheanais timchioll orra le chéile. Bha ’n dà sholus so air thoiseach air Eaglais an t-Seann Tiomnuidh, agus mar sin cha b’ aithne dhi a’ bheag de dhealachadh a chur eatorra: ghabh i beachd orra ann an tomhas mòr mar aon fhoillseach- [TD 59] adh. Theagamh gu faodadh a sùil tuiteam air oir na ràtha deirge a bha timchioll an dara foillseachaidh an tràths’, agus a rìs air sin a bha timchioll a’ cheud fhoillseachaidh; ach cha b’ urrainn dhi a ràdh nach buineadh iad do ’n aon ni, no ciod an t-astar a tha eatorra. Ach tha sinne nise ann an Eaglais an Tiomnuidh Nuaidh, air tighinn a stigh eadar an dà fhoillseachadh—eadar an dà sholus. Tha fear dhiubh as ar déigh agus am fear eile romhainn. Chì sinn air aon làimh an solus a tha mar am bogha frois ann an coslas, agus air an làimh eile an solus ud a’ s e foillseachadh a ghlòire an uair a thig e rìs an dara uair as eugmhais peacaidh a chum slàinte ciod air bith an t-astar a dh’ fheudas a bhi eatorra. Tha solus anns gach foillseachadh dhiubh so a’ coinneachadh os ceann a’ h-uile bòrd comunnachaidh. Bha Eaglais an t-Seann Tiomnuidh a’ sealltuinn air a h-aghaidh ri teachd Chriosd anns an fheòil. Bha breitheanas a’ frithealadh air ’fhoillseachadh ann a ghràs, agus bithidh breitheanas a’ frithealadh air ’fhoillseachadh ann a ghlòir; agus mar nach b’ urrainn Eaglais an t-seann Tiomnuidh dealachadh a chur eadar am breitheanas a bha ’frithealadh air gach foillseachadh, is amhuil fòs cha b’ urrainn dhi ro mhaith dealachadh a chur eadar na foillsichidhean iad féin. Cha ’n e mhàin gu bheil sinn a’ faicinn co-chòrdadh eadar an Eaglais fo ’n t-seann Tiomnadh agus an Eaglais fo ’n Tiomnadh Nuadh a thaobh an ni so—teachd Chriosd; ach a thuilleadh air so o ’n uair ’s an d’ thugadh a’ cheud ghealladh ann an Eden tha ’n Tighearn a’ giùlan ’obair air a h-aghaidh anns an t-saoghal—gu sònruichte ’s an Eaglais—tre ’n robh e ag uidheamachadh air son teachd Dhé ann ar nàdur. Is ann gu sònruichte ris so a tha sùil aig an earrainn, “ach ’nuair a thàinig coimhlionadh na h-aimsir chuir Dia a mhac féin uaithe.” Air a’ mhodh cheudna fo ’n Tiomnadh Nuadh tha ’n Tighearn a’ giùlan ’obair air a h-aghaidh, leis am bheil e ag ullachadh an t-saoghail agus na h-Eaglais air son dara teachd Chriosd; ach coinnichidh so sinn a rìs ’s a’ cheann-teagaisg agus ann a bhi ’sealltuinn ris ni ’s dlùithe thugailbh fainear:— Cò a tha ’labhairt agus ag ràdh Gu deimhin a ta mi a’ teachd an aithghearr; an ni a ta e ’cur an céill, A ta mi teachd; cinnteachd a theachd, Gu deimhin; agus a theachd an aithghearr. Anns a’ cheud àite, cò a tha ’labhairt agus ag ràdh Gu deimhin tha mi ’teachd? An Tì a tha ’toirt fianuis air na nithe so; cò e so? Tha an Tì ceudna air a chuir an céill aig an t-seachdamh earrainn—“Feuch tha mi a’ tighinn gu luath, is beannaichte an tì a choimhideas briathran fàidheadaireachd an leabhair so.” Is e Tighearna Dia nam fàidhean naomh a chuir an teachdaireachd: anns an 12mh, agus an 13mh Ear. tha e ’cur an teachdaireachd cheudna; “Feuch a ta mi ’teachd an aithghearr. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, an ceud neach agus an neach deireannach. Is mise Iosa. Is mise freumh agus gineil Dhaibhidh, an reulta dhealrach agus mhaidne. An Tì a tha ’toirt fianuis air na nithe so.” Ciod iad na nithe? Na nithe a tha sgrìobhta ’s an leabhar so—leabhar an taisbein—eachdraidh na h-Eaglais gu deireadh an t-saoghail air a thoirt dhuinn tre spiorad na fàidheadaireachd. Agus ciod a tha ’n a luidhe aig stéidheadh na h-eachdraidh? Tha roimh-òrduchadh an Tighearna—suidheachadh, dealbh, oibreachadh an Tighearna. Agus ciod a tha ’n a sheasamh aig crìch an t-suidhichidh sin? Is e teachd Chriosd an dara uair a thional a stigh nan cuspairean air an d’ fhoisich a ghràdh ’o na h-uile cearnaidh dhe ’n domhain mhòir: an Tì a ta ’g ràdh Gu deimhin tha mi ’tighinn an aithghearr; is esan a thug fianuis do Eòin mu na nithe ud a bha ’dol a lìonadh suas suidheachadh an Tighearna—esan a bha gu rùn an Tighearna oibreachadh a mach—thug esan fianuis air na nithe a bha gu roimh-òrduchadh an Tighearn a lìonadh suas. Tha so a ’cur soluis:— Anns an dara àite—air an teachdaireachd mu dheireadh a chuir e a chum na h-Eaglais, “Tha mi a’ teachd.” Cha ’n e a ’s ciall da [TD 60] so Tha mi ’dol a theachd an dèigh ùine fhada. Is e a ’s ciall da Tha mi air m’ uidhe cheana. Is esan an t-Uan am meadhon na rìgh chaithreach. Is e a tha ’na shuidhe air stiùir an fhreasdail. Tha e a’ tighinn ni ’s fhaisge agus ni ’s fhaisge anns na h-uile ni a tha e a’ deanamh. Tha ’n Tighearn a’ tighinn ni ’s fhaisge anns na h-uile anam a tha air ’iompachadh, air ’uidheamachadh, agus air a thoirt a steach do ghlòir. Tha mar so a’ h-uile ni ann an suidheachadh agus roimh-òrduchadh an Tighearn aige ri ’oibreachadh a mach. Tha obair mhòr air thoiseach air. Tha e ’tighinn ni ’s fhaisge anns na h-uile ni a tha i a’ deanamh gu bhi ’cur air a h-aghaidh an obair a thugadh dha r’ a crìochnachadh. Thubhairt e riutha mu ’n d’ fhàg e iad Ma thèid mi agus gu ’n ullaich mi àite dhuibh, thig mi rìs, agus gabhaidh mi sibhse am ionnsuidh féin, a chum far am bheil mise gu ’m bi sibhse mar an ceudna. Seall air t’ eachdraidh féin; cha ’n ’eil ni a tha ’n Tighearna deanamh dhuit, no ort, no annad, nach ’eil an sin ’g ad ullachadh ri aghaidh a theachd. Tha e ’tighinn anns na h-uile ni a tha e a’ deanamh air do shon. O anam ghràsmhoir anns na tha e ’deanamh air do shon faodaidh tu an sin faicinn dealbh beag air na tha e ’deanamh ’s an Eaglais. Am bheil e ’g ad thoirt a mach à teanntachd? An sin tha e ’cur an cèill dhuit gu ’m bheil e ’teachd. Am bheil e ’toirt a’ bheag sam bith do bhlasad dhuit air a’ chuirm sin a dh’ ullaich e? An sin, tha e ’toirt geall-daingnich dhuit gu ’n tig e rìs, agus gu ’n gabh e thu ’g a ionnsuidh féin, agus gu ’n toir e dhuit àite aig suipeir pòsaidh an Uain an tigh ’Athar shuas. Air a’ mhodh cheudna tha e fìor a thaobh a’ h-uile ni a tha e ’deanamh do ’n anam ghràsmhor, agus do ’n Eaglais, agus a thuilleadh air sin do ’n t-saoghal; is esan a tha ’gluasad cuibhlean an fhreasdail. Tha e da rìreadh a’ teachd ’s a’ h-uile car a tha e ’cur annta. S. MAC DHOMHNUILL. (Ri leantuinn.) AN RIGVEDA. III. ANNS an oidhirp a thugadh gu rann no dhà de na dàin Védach eadar-theangachadh gu Gàilig chithear nàdur is gné nan comasan leis an do sgeudaich na bàird Rigvedach an Dia. Fhreagradh na daoine cràbhach so a’ cheist, ciod e Dia mar so;—Tha Dia ’n a bhith, bithbhuan, neo-chaochlaideach, neo-chrìochnach, neo-chorporra, neo-fhaicsinneach, uile-chumhachdach, uile-fhiosrach, uile-làithreach a’ mealtuinn sonuis do-labhairt. Tha ’m freagradh so ceart cho fad ’s tha e ’dol. Tha e ’n a thoradh air oibreachadh bhuadhan reusanta an anma ag iarraidh eòlais air an Neo-Chruthaichte anns a’ chruthaichte. Tha e air a thional o na fianuisibh a dh’ fhàg Dia air a mhòrachd araon anns a’ chruthachadh fhaicsinneach agus anns an t-saoghal mhodhannail. Ach tha e eadhon anns an t-seadh so féin neo-iomlan; oir cha’ n’ eil e beantuinn ris a’ choguis, an fhianuis gheur-chuiseach, agus àrd-ghuthach sin a tha cho neo-bhàsmhor ris an anam féin, agus d’ am buin fianuis a thoirt mu bhuadhaibh modhannail agus mu chliùthaibh naomha a’ Chruithfheir. Cha ’n ’eil aon chliù naomh no mhodhannail aig an dia Védach. Chaill iad aithne spioradail air Dia ’n a naomhachd, ’n a cheartas agus ’n a fhìrinn. Thuit crùn an eòlais, na fìreantachd agus na naomhachd bhàrr an cinn tre’ n leagadh, agus dh’ fhàg sin Iùdhaich, Védaich, agus cinnich eu-comasach air a’ chliù a’ s cubhaidh fòs d’ a ainm a thoirt ’n an neart féin do Thì naomh Israeil. Cha fhreagair Aingeal no duine a’ cheist so ’n a farsuinneachd agus ’n a h-iomlanachd. Tha Bochannan ag ràdh ’n a laoidh air Mòrachd Dhé— “O! ciod e Dia, no ciod e ainm? Cha tuig na h-aingle ’s àird ’an glòir; Tha e ’n solus dealrach falaicht’ uath, Far nach ruig sùil no smuain ’n a chòir. * * * * [TD 61] “Tha aingle ’s daoin’ do neo-ni dlù; A’ bhrù o ’n tàinig sinn gu léir, Ach iomlanachd o shìorruichd ta, Neo-chrìochnach ’n a nàdur féin. * * * * “Le ’r tuigse thana ’s dìomhain duinn Bhi sgrùdadh ’chuain a ta gun chrioch; An litir ’s lugha dh’ ainm ar Dé Is tuille ’s luchd da ’r reusan i.” “An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaghail a mach? an urrainn thu an t-Uile-chumhachdach fhaghail a mach gu h-iomlan?” “Is mòr ar Dia, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas.” Ach gu pilltinn ris an Rigveda. Bha beachdan domhain agus dìomhair aig na ceud Hindùich air nàdur is air taisbeanaidhibh an àrd Dhia, Bràhm. Tha iad de ’n bheachd gu ’n d’ fhoillsich se e féin air trì dòighibh fo na h-ainmibh so (1) Bràhma, (2) Vìshnu, (3) Shìva. ’S i so an trianaid Hindùach. Tha ’n dara pearsa aca mar an ceudna fo ’n ainm Crìshna, an neach a thàinig a dheanamh sìth eadar Bràhm agus daoine. Ach bhrùchd fa-dheòidh iodhal-aoraidh a steach mar thuil, thuit iad air falbh o ’n ceud staid shimplidh, gus am bheil aig an àm so uibhir de dhiathaibh bréige ’s na h-Innsibh is a ta do shluagh annta. ’N uair a bhitheas iad air an cronachadh air-son an iodhal-aoraidh, comharraichidh iad a mach an Rigveda mar leabhar naomh agus neo-mhearachdach a thàinig a mach á beul Bhràhm; agus ni iad argumaid gu ’m bheil an Rigveda cho luachmhor ris a’ Bhìobull, do bhrìgh, deir iad, gu ’m bheil e air a dheachdadh leis an àrd spiorad Bràhm. Tha Hindùachd nan Innsean aig an àm so falamh deth gach smuain spioradail is aineolach air gach fìrinn stéidheil a ta comasach air sluagh a ghlanadh, a dheanamh stuama agus àrdachadh ’n am breithneachaibh is ’n an iarrtuisibh. An àite fàs ann an eòlas air modhannalachd, fìreanteachd agus diadhachd ’s ann a thuit iad air falbh o gach gloine beus agus gnìomh a bha na dàin Védach ag iarraidh. Tha ’n reachdan sagartail cho brùideil a ’s gu ’m bheil iad a’ teagasg mar mhodh sàbhalaidh bantrach-losgadh agus corp-phianadh. Gus an do ràinig gathan soillseachaidh agus beòthachaidh an t-soisgeil air an fhine so a bha ’n an suidhe ann an tìr agus ann an sgàil a’ bhàis, cha d’ fhuaradh am measg dà cheud muillion India aon fhear-teagaisg a b’ urrainn crathadh a thoirt air daingneach mhalluichte an iodhail-aoraidh agus an fhéin-mheallaidh a fhreumhaich agus a neartaich ann an cridheachaibh ’s ann an cleachdainnibh nan Innseanach. Tha Chìna, dùthaich nam faidhean mòra, Buddha is Confucius, o cheann tri mìle bliadhna dorcha, marbh neo-ghluasadach. Chuir Dia-àicheadh cleachdail agus beag-nàireach as do gach gath mothachaidh, dòchais, agus géill, roimh ’n t-saoghal ri teachd a bha air siubhal an anama. ’N uair a rugadh Criosd bha àrd-ghliocas a’ Ghreugaich agus mòr-eòlas an Romhanaich air fàs sgìth de bhi ’cnuasachd meadhoin a b’ urrainn riarachadh a thoirt do iarrtuisibh spioradail an luchd-dùthcha. ’S e ’n toradh a thug an uile fheallsanachd reusanta mach Dia-àicheadh. Cha ’n ’eil Soroaster, fàidh Phersia, Bùddhachd Chìna, Vèdachd nan Hindùach, feallsanachd na Gréig is na Roimh, Coran nam Mahometanach, no Leabhar òr-bhuidhe nam Mormonach ri bhi car aon mhionaid r’ an coimeas ris an t-Searmoin air a’ Bheinn. Tha ’m Bìobull ag iarruidh spioradalachd inntinn agus naomhachd cridhe nach faighear ann an leabhar air bith eile. Gu ’n robh Dia ’n t-Athair tre ’n Spiorad Naomh g’ ar n-aonadh ri Criosd Prionnsa na beatha chum a bhi g’ ar naomhachadh agus g’ ar glanadh ’n-ar cridhe gu Dia fhaicinn. IAIN S. MAC NEILL. [TD 62] AN T-OLLA BOCHANNAN ’S NA GAIDHEIL. THA druidheachd iongantach an déigh sealbh fhaotainn air ceud fath an Olla Bhochannain a thaobh nan Gàidheal. ’S esan aon de ’n chàraid eugnaidh a tha air cuidheil na h-iùbhraich Eaglaiseil ud a tha fo sheòl a dh’ ionnsuidh cala ainmeil an Aonaidh; ris an dreuchd urramaich sin cha ’n ’eil ni againn ri ràdh aig an àm so—cha toir sinn eadhon iomradh air cho eu-dìonach ’s a tha an iùbhrach air fàs troimh sgeirean ’s troimh cheistean fosgailte am measg a làmhan—ach their sinn ni no dhà, gu glé ghoirid, mu na chan an Caiptein treun ud mu na Gàidheil, agus mu na nithe ’n am measg air son am bheil esan gu h-àraidh cùnntasach. Their sinn air tùs ann an aon fhocal, ni nach ruig a leas dearbhadh, nach robh caoin-ghràdh ’s am bith aig na Gàidheil riamh do ’n Eaglais Chléirich Aonaichte (U.P.), no gu h-àraidh d’ a teagasgan teagmhach. Tha aon aobhar math air a so. Bha an Eaglais ud a’ ruith a ghnàth gu ionadaibh reamhar na tìre a thogail a cuid eaglaisean; agus a thaobh nach robh òr pailt am measg nan Gàidheal cha do shìolaich i ’n an measg. Aidichidh mòran nach do chaill diadhachd a’ Ghàidheil a’ bheag troimhe sud. Ma ta, tha an t-Olla Bochannan, gràdhach ’s mar a dh’ fheudas e bhi mu na Gàidheil, a’ toirt mi-cheartais mhòir do bheachdan na Gàidhealtachd air nithe Eaglaiseil; agus tha e cùnntasach air son droch thoraidh na leanas:— (1) Chleachd e thuige so ’ùghdarras gu bhi a’ sparradh air guaillibh Ghàidheal comh-cheangal ri Eaglais ris nach robh gràdh no comh-fhaireachdainn aca ’n a gné fàis, ’n a teagasg, no ’n a prionnsapal. (2) Chuidich e lìon druidheachd mheallaidh a chur mu inntinn cuid do mhinisteirean Gàidhealach—’s e sin toirt orra aomadh, ’s gun iad ’n am mothachadh, a dh’ ionnsuidh an Aonaidh—ni a tha air call mòr a dheanamh do shìth choithionalan agus do dhiadhachd chleachdail am measg an t-sluaigh. Oir tha an sluagh gu ceart agus gu tuigseach a’ diùltainn beachdan ùra Eaglais eile a ghabhail no iad féin a cheangal rithe. (3) Chuidich e an droch chliù a tha air a cur a mach le Goill ’s leis an Eaglais Chleirich Aonaichte mu na Gàidheil, gu ’m bheil iad aineolach, baoth-inntinneach, agus cumhann ’n an breithneachaidhean, air an stiùradh mar dhoill le feadhainn anns nach ’eil mòran barrachd soluis. So cliù nach urrainn Gàidheil a ghiùlan. Bheir sinn a nis air an aghaidh aobharan a tha ’cumail nan Gàidheal o dhol ann an ceangal Eaglaiseil ris an Eaglais Chléirich Aonaichte. A bharrachd air gu ’m bheil iad ’g a meas mi-fhallain air teagasg mòr na Réite le teagasgan eile a tha an dàimh ris, tha na ceithir puincean a leanas, mu ’m bheil gach Gàidheal aon-sgeulach, soilleir agus cinnteach air an àicheadh gu tur ann am briathar ’s ann an cleachdadh leis an Eaglais Chléirich Aonaichte:— (a) Gur h-e òrdugh Dhè a tha anns an Uachdaranachd Shìobhalta; (b) gu ’m bheil e mar fhiachaibh air an Uachdaran Shìobhalta gu dreuchdail fìrinn Dhé agus Eaglais Chrìosd fhaotainn a mach air a shon féin; (c) gu ’n còir dha ’n uair a gheibh e so a mach aideachadh,—reachd Dhé a ghabhail mar riaghailt-stiùraidh ’n a dhreuchd; agus (d) gu ’n còir dha Eaglais Chriosd anns am bheil an fhìrinn so a fhuaradh a mach leis a chuideachadh air gach modh, mar is e dleasannas gach neach anns gach seasamh ’s am bi e. Air na fìrinnean so sheas Eaglais Ath-leasaichte na h-Alba, sheas na Gàidheil thuige so, agus seasaidh a dh’aindeoin gach mi-chliù. FRAOCH. ARAN BRISTE. Tha a’ chamhanaich a’ fàs gu latha; an t-earrach ag abachadh gu samhradh; sruthan ag at gu aibhnichibh; aibhnichean a’ leudachadh gus an cuan; gucagan a’ fàs gu blàthaibh agus blàthan gu measaibh; fiùrain a’ fàs gu craobhaibh, clann gu daoine agus aon gu cinneach. ’S ann mar sin a ta eòlas Dhé ’s an anam a ghnàth a’ fàs ’s a’ fàs. An ni a ta beag an toiseach, a’ leudachadh ’s a’ doimhneachadh. Cha ’n ’eil ’sa’ chala is faide a chì sinn uainn ach àite seòlaidh airson cala is faide air falbh na e féin. [TD 63-72] THE BANNER OF TRUTH. [Beurla] [TD 73] “THUG THU BRATACH DHOIBHSAN D’AN EAGAL THU, GU BHI AIR A TOGAIL SUAS AIR SGÀTH NA FÌRINN” BRATACH NA FÌRINN PAIRT 5.] Giblean, 1873. [LEABH. I. SGEUL MU ’N DILE LEIS NA HINDUICH. THA trì seòrsan leabhraichean aig na Hindùich a tha ’toirt sgeòil mu’n creideamh: (1) Leabhraichean nam Bhedas; (2) nam Puranas; agus (3) nan Tantras. Gheibh sinn an creideamh Hindùach cho fad ’s a tha e air a tharruing o na Tantras—leabhraichean deireannach na Hindùachd—anbarrach salach agus gràineil; ach cha ’n ’eil ùghdarras ’s am bith aig na gràinealachdan ud ’s na Bhédas. Ri linn nam Bhédas cha robh an t-Innseanach idir iodhal-aorach. Cionnus a bhitheadh? ’S e ’bha e ’leughadh ann a leabhar, ni a bh’ air àithneadh dha le a luchd-teagaisg—“Glòraich Dia a mhàin; airsan ’n a aonar gabh aithne:” ’S e beachd àrd-sgoilearan Asia nach robh aon iodhal ’s na h-Innsibh mu ’n àm ’s an do chuireadh cuideachd na Bhédas, (1300 B. C.) Ach ri linn nam Puranas bha iodhala lìonmhor. B’e sud an linn ’s an robh aoradh nan Innsean—a diathaibh, agus a chràbhadh anabarrach coltach ri iodhal agus aoradh nan Ròmhanach agus nan Greugach. Dh’ fheudta a dheanamh soilleir, gu robh na h-aon diathan bréige aig an Eòrpach, agus aig an Asianach ’s na linnibh dorch’ ud. Tha e mar an ceudna soilleir o ’n chòrdadh chomharraichte a tha eadar leabhraichean an t-seann Tiomnuidh, agus mòran de naomh-leabhraiche na h-àird’ an Ear ’s an Iar, gu ’m bheil an iomradh araon air na h-aon nithe: ’s a’ Bhìobull, tha e againn mar a bha e, ach ’s na naomh leabh- [TD 74] raichibh ud eile, mar a ghiùlaineadh nuas thun nan linn ud e le beul-aithris. Mar dhearbhadh air gu ’m b’ éigin eòlas a bhi aig seann luchd-cràbhaidh nan Innsean air cuid de eachdraidh a’ Bhìobuill gabhamaid an cùnntas a leanas, mar a tha e air a chur sìos ’s na Puranas. Gheibhear e ’s an dàn do ’n ainm Bhagàbhat, ceud leabhar nam Puranas. “Anns na linne a dh’ fhalbh bha léir-sgrios mòr ann a bhàth luchd-àiteachaidh nan iomadh saoghal ann an cuan mòr. Is ann mar so a thachair e. Air bhi do Bhràm déidheil air fois, an déigh siubhal nan iomadh linn thàinig suain codail air. Agus air ball thàinig Haiagrìna—an deamhan treun sin—agus ghoid e leis na Bhèdas. Fhuair Hèri-fear-gleidhidh nan saoghal fios air deanadas prionnsa nan deamhan. Air ball chaidh e an riochd éisg bhig—d’ am h’ ainm Sap’hère. Mu ’n àm so bha rìgh naomh am, d’ am b’ ainm Satiarvàta; agus bha e’na ìochdran do ’n Spiorad sin a ghluais air aghaidh nan uisgeacha: Bha e cho cràbhach ’s gu ’m b’ uisge a bheathachadh uile. Air la àraidh bha ’n rìgh so ag aoradh ann an amhainn Chritamàla. Bha an t-uisge naomha feuch ’na bhois; agus feuch iasg beag ’s an uisge! Le cabhaig thilg e ’n t-iasg do ’n amhainn. An sin dh’ fhosgail Sap-hèri beag a bheul, mar so a’ labhairt ris an rìgh. “Cionnas O a rìgh a ’s urrainn duitse ’tha cho teò-chridheach ris na truaghain mise fhàgail an uisgeacha na h-àimhne so, ’s mi ro lag gu cur an aghaidh uil-bhiasdan an t-srutha so; agus iad ’gam lìonadh làn uamhainn?” Cha d’ aithnich an rìgh gu ’m bu dia esan a labhair; gidheadh o thruas agus dèidh air a thiorcadh thug e leis e, agus chuir e ann an soire bhig làn uisge e. Ann an aon òidhche dh’ fhàs Sap-hèri cho mòr ’s gu robh an t-soire ro chumhann da; agus mar so labhair e ’n dara uair ris a’ phrionns’ òirdhearc. “Cha ’n ’eil mi riaraichte le ’bhi beò gu truagh ’s an t-soire bhig so, O a rìgh, dean dhomh àite còmhnuidh farsuing ’s am bi mi comhfhurtachdail.” “A rèir ’iarrtuis chuir an rìgh ann an amar uisg’ e; ach ann an leth-cheud mionaid dh’ fhàs e trì làmha coille ni b’ fhaide, agus thubhairt e “O a rìgh cha toigh leam fantuinn gu diòmhain ’s an amar chumhann so: thug thu domh ionad-fasgaidh, thoir domh ionad-còmhnuidh farsuing.” An sin chuireadh ann an loch mòr e far an robh cothrom snàimh aige, agus dh’ fhàs e ’na iasg maith mòr: ach cha d’ fhada gus an d’ fhàs an loch mòr ro bheag air a shon, agus air dha gearan ris an rìgh an ceithreamh uair, ghabh se e agus thilg e do ’n chuan e. Air ball thionndaidh e ris an rìgh, a bha ’n a sheasamh air a’ chladach, agus thubhairt e: ‘An so ithear mi le uil-bheisdibh a’ chuain. Cha tig e dhuit m’ fhàgail ’s na h-uisgeacha so a Shatriatràta.’ Le iongantas agus truas fhreagair an rìgh. Co thusa ’mheall mi ’s a’ chruth so. Riamh roimhe cha ’n fhaca ’s cha chuala mi mu iasg a lìon le a mheudachd loch mor nan ceud mìle ann an aon làtha. ’S cinnteach gur tusa Bhagàbhit, agus Heri mòr aig am beil a chòmhnuidh ’s na h-uisgeachaibh. Fàilte agus moladh dhuit. Faigheam fios, guidheam ort, c’ airson a ghabh thu ’n cruth ud a d’ ionnsuidh.” [TD 75] “Air do Thighearna na cruinne an duine cràbhach a ghràdhachadh rùnaich e a theàrnadh o thuil na léir sgrios a bha e gu dhòrtadh air na saoghail, air son ainigidheachd nan linne ud; agus dh’ innis e dha cionnus a rachadh e as. Thubhart e—an ceann sheachd làithe, tumar na trì saoghail ann an cuan bàthaidh; ach am meadhon nan tonna chithear leat long-mhòr a’ teachd a d’ ionnsuidh. Is mise ’chuireas i. “Théid thu steach innnte a’ toirt leat maille riut gach luibhe a leighiseas, agus gach gnè phòir, maille ri paithir dheth gach seòrsa beathaich. “Rach a steach, agus fan innte, a’ seòladh gu tearuinte air aghaidh cuan neo-chrìochnaich, le comhludair do chompanacha naomha ’na sholus dhuit. ’N uair a shéideas na gaotha buaireasach ceanglaidh tu an long le nathair ri m’ adhairc-sa eagal ’s gu ’n caillear i; oir bithidh mise làimh riut. Air do sgàthsa, agus air sgàth do chompanacha fanaidh mi air aghaidh a’ chuain. O thriath nan daoine, gus an crìochnaichear oidhche iomlan do Bhràm. An sin aithnichear leat m’ fhìor mhòrachd-sa, do ’m buin le ceartas àrd-dhia mar ainm; teagaisgidh mo chaoimhneas thu gu ceart, agus fuasglar d’ uile cheisdibh.” “Air do Hèri an seòladh-sa’ thoirt do ’n rìgh chaidh e as an t-sealladh; ach dh’ fheith an rìgh ris an àm shuidhichte. Ag cur ’aghaidh air an àirde a tuabh shuidh e a’ mèadhrachadh air cosaibh an deè ud a ghabh cruth èisg air. “An sin bhrùchd a’ mhuir thar a cladaiche—chòmhdaich na h-uisgeacha an talamh uile-agus dhòirt na speura am frasa tiugha. “Air do ’n rìgh ’bhi fathasd a’ meadhrachadh air àithne Bhagàbhait, chunnacas an long a’ tighinn: “Chaidh e stigh innte a’ toirt leis nan seachd Bràmanaich naomha, maille ris na creutaire a dh’ àithneadh da le Héri, agus sheinn na naoimh an t-òran-sa ’na éisdeachd ‘O a rìgh meadhraich air cesara a shaor-sa sinn o ’n chunnart so’. Cha ruigear a leas ìnnse nach sgeul eile so ach eachdraidh Noah agus na h-àirce, air a chur ann an trusgan Hindùach. ROSACH. DARA TEACHD CHRIOSD. II. ANNS an treas àite, cinnteachd a theachd. Dh’ fhaodamaid triùir fhianuisean a ghairm gu ’bhi ’dearbhadh na fìrinn chudthromaich so. (1.) Tha a’ choguis nàdurrach féin a’ toirt fianuis mu bhreitheanas ri teachd. “Oir ma pheacaicheas sinn d’ ar toil féin an déigh dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn cha ’n fhàgar tuilleadh dhuinn ’ìobairt air son peacaidh, ach dùil eagallach ri breitheanas, agus fearg theinnteach a sgriosas na h-eascairdean.” Tha ’n t-abstol ag ainmeachadh a thaobh cuid gu bheil an coguisean air an losgadh le iarrunn dearg. Tha dearbhaidhean gu leòir gur e so an fhìrinn. Ach an uair a tha a’ choguis air a dùsgadh tha mothaichidhean eagallach aig an anam mu bhreitheanas ri teachd. Tha coguis nàdurrach mar so a’ fianuiseachadh mu bhreitheanas ri teachd. (2.) Tha gu leòir ri fhaicinn ann an eachdraidh an t-saoghal—’s na nithe a tha a’ tuiteam a mach ’s an fhreasdal o là gu là a tha ’giùlan fianuis gu’m bheil breitheanas ri teachd. Ciod e an [TD 76] leithid? Tha mise ’smuaineachadh gu bheil dà sheòrsa nithe gu sònruichte a tha ’toirt fianuis mu bhreitheanas ri teachd. An toiseach tha ’n liughad peacadh, eucoir, agus cionta dìomhair a tha ’tighinn am follais agus a’ faotainn dìoladh an uair a tha e ’na aobhar iongantais gu ’n d’ thàinig iad riamh am follais. Theagamh mur biodh ri ’fhaicinn ach so gur ann a cho-dhùnamaid nach robh feum air breitheanas coitchionn, do bhrìgh ’s gu robh eucoir air a peanasachadh air an talamh féin. Ach a thuilleadh air so tha ’n t-aingidh gu tric a rèir coltais a’ soirbheachadh, agus tha iomadh eucoir air a cur an gnìomh air son nach ’eil dìoladh deanta, do bhrìgh ’s nach urrainear fear deanamh na h-eucorach a lorgachadh a mach. Tha’n t-ionracan gu ’bhi a’ fulang ain-neart o làimh an neo-fhìrean. Is éigin gu ’m bi cùisean air an réiteach—gu ’m bi nithe dìomhair air an toirt am follais—gu ’m bi ceartas air ’fhìrinneachadh agus air ’àrdachadh—agus gu’m bi eucoir air a dìteadh agus air a tilgeadh sìos. Tha so a’ fianuiseachadh gu feum breitheanas deireannach a bhi ann. (3.) Tha so air a theagasg gu soilleir anns an sgriobtur—tha e air a theagasg le Criosda féin. Tha e air a theagasg gu ’r e féin am breitheamh a réir suidheachadh an Athair—agus gu ’m buin a bhreitheamhachd do ’n ghlòir a thug an t-Athair dha mar eadar-mheadhonair a’ chùmhnaint. Thoiribh fainear teachdaireachd nan aingle do na deiscioblibh an uair a thogadh suas e gu nèamh. “An t-Iosa so a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhuil sin a thig e mar a chunnaic sibh e a’ dol gu nèamh. Agus a thuilleadh air so is e féin an fhianuis dhìleas agus fhìrinneach a dh’ fhàg an teachdaireachd so aig an eaglais “Gu deimhin tha mi ’teachd an aithghearr.” (4.) Cia mar dh’ fheudas e ’bhi fìor gu bheil e ’teachd an aithghearr? Nach ’eil teagamh an so? Nach robh dùil aig na deisciobuil ri a dhara teachd ’n an là féin; agus tha dà mhìle bliadhna o ’n uair ud, agus cha d’ thàinig e fathast? Gu a bhi ’tuigsinn na cùise thugaibh fainear air tùs gu ’m bheil mìle bliadhna aig an Tighearna mar aon latha, agus aon là mar mhìle bliadhna. Tha a shùilean ag amharc o bhith-bhuantachd gu bith-bhuantachd. A rìs tha sinn gu chuimhneachadh gu ’m bheil dara teachd Chriosd ’n a ni cho mòr, cho greadhnachail, agus cho glòrmhor—’n a ni cho uamhasach, agus cho eagallach ’s gu ’m bheil ùine air a deanamh neoniach ’s a’ chùis. ’S an treas àite tha againn r’a chuimhneachadh gu ’m bheil Criosd ’n a sheasamh mar gu ’m b’ ann air a là fhoillseachadh air an taobh thall do bhàs gach neach. An uair a tha thusa a’ coimhead air d’ aghaidh tha thu ’g a fhaicinn air an taobh thall dhe ’n àite sin ’s am bheil am brat-roinn eadar ùine agus sìoruidheachd a’ fosgladh o chéile a chum ’s gu ’n gabh e thu féin a stigh. Agus ’s a’ cheithreamh àite cuimhnicheamaid gu ’m bheil beatha gach neach a’ ruith gu luath—ni ’s luaithe na spàl an fhigheadair, no iolair air sgéith, no long gu a calla! Mar so tha esan a’ teachd, A chàirdean tha trì nithe a’ cur feum air gu’n tigeadh e. An toiseach a chum breitheanas a chur an gnìomh air an talamh. Anns an ath àite, a chum a gheallanna choilionadh do ’n eaglais. Agus a rìs tha feum air gu’n tigeadh e chum gu ’m bì nithe duilich air an réiteach, agus a chum gu ’m bì nàire, tarcuis, agus masladh pobull an Tighearna air an togail air falbh uatha;—gu’m bi iad air am fìreanachadh anns a bhreitheanas, agus air an làn aideachadh mar an sluagh air an àill leis an rìgh ghlòrmhor urram a chur. [TD 77] II. Anns an dara àite-am freagradh a thu an geaglais do’n teachaireachd so—“Amen: seadh thig, a Thighearna Iosa.” (1) Tha so a’ teagasg gu soillear nach robh teagamh ’s am bith aice thaobh an Tì a chuir an teachdaireachd d’ a h-ionnsuidh. An uair a chuala bana-phrionnsa na sìthe guth ag ràdh, “Eìrich a bhean mo ghaoil, m’ aon sgiamhach agus thig leam,” bhris i mach ag ràdh, “Guth mo ghràidh, feuch tha e ’teachd!” ’N uair a bha e ’dùnadh suas na litir mu dheireadh a chuir e d’a h-ionnsuidh thubhairt e rithe trì uairean, “Feuch tha mi teachd gu luath.” Dh’ aithnich i gu math gu ’m b’e féin a bha ann—gur e a ghuth féin a bha ’labhairt rithe. Bha ’n Eaglais a ghnàth a’ sealltuinn air a h-aghaidh ri teachd Chriosd. Fo ’n t-Seann Tiomnadh bha a dhà theachd air am faicinn ann an tomhas (mar a dh’ ainmich mi) mar aon ni, agus a thaobh sin an uair a bha i a’ sealltuinn ris cha robh i ann a faireachduinn ’cur a bheag do dhealachadh eatorra. Gun teagamh tha so againn ’s an ùrnuigh, “Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, pill; bi cosmhuil ri earb, a ghràidh; no ri laogh féidh air beanntaibh Bhètair.” S. MAC DHOMHNUILL. (Ri leantuinn.) AM MEASG EAGLAISEAN SHASUINN. A REIR a’ gheallaidh a thug mi mu ’n d’ fhàg mi Albainn, gu’n sgrìobhainn cùnntas mu eaglaisean na tìre so o àm gu h-àm mar a dh’ fhàsainn eòlach orra, tha mi a nis a’ tòiseachadh le h-eaglais stéidhichte na rìoghachd. A’ cheud latha sàbaid a bha mi ’sa ’ bhaile mhòr so (Lunuinn) chuir mi romham gu’n rachainn do eaglais Shasunnaich, mar their sinne rithe, dh’ fheuch ciod a chithinn no a chluinninn. Cha bu luaithe a chaidh mi stigh na dh’ fhairich mi boladh ro chùbhraidh, a thuig mi bhi ’teachd o thùisear a bha a’ luasgadh an greallaig crochta o mhullach na h-eaglais. Bha an taobh-a-stigh fann-shoilleir do bhrìgh uan uinneagan daithte, ach shuas aig a’ cheann air falbh bha altair agus dà choinneil chéir laist’ oirre. Eadar na coinnlean bha crois shnasmhor le h-ìomhaigh an t-slànuigheir tiugh le seudan. Bha mar an ceudna mias agus copan air an altair. Bha an coimhthional a bha car tana fìor chràbhach coltas am feadh ’s a bha na sagartan mar is math leò a ràdh riù a’ dol troimh an deas-ghnàth saoithreachail. Cha do thuig mi dé bu chiall do bheag, ach gu’n robh iad a’ toirt fainear suipeir an Tighearna. Mu dheireadh na seirbheis thàinig fear de na sagartan an taobh a bha mi agus ghabh mi do dhànadas fharaid deth dé an seadh a bha aig na chunnaic mi; ’n uair a thachair an còmhradh a leanas: “Is coigreach thu?” ars’ esan. “Is e,” arsa mise. “Ciod is dùthaich duit?” “Albainn.” “Is e dùthaich bhorb a tha sin, cha ’n ’eil eaglais idir agaibh innte “Tha sin againn mòran eaglaisean.” “Tha mi ag ciallachadh nach ’eil eaglais Chriosd agaibh.” “Cha ’n ’eil, ach tha earrann di againn.” [TD 78] “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil, tha thu am mearachd mòr, agus tuigidh tu sin ’n uair a mhìnicheas mise duit na chunnaic thu.” Thug e sin domh cùnntas fada air na chunnaic mi ach cha ’n ’eil cuimhn’ agam air a dhara leth. Tha so roinn deth. Tha an dà choinneil air an altair a’ riochdachadh dà nàdur an Dia-duine. ’N uair a tha Fear-riarachaidh an Orduigh a’ labhairt nam briathran “Is e so m’ fheòil” “Is e so m’ fhuil,” tha an t-aran agus am fìon a tha ’s a’ mhéis agus ’s a’ chopan air an atharrachadh gu feòil agus fuil Chriosd. An déigh sin tha gach neach a théid seach an altair a’ lùbadh an glùin da, tha am fear-riarachaidh a’ togail suas na méis eadar òrdag is corag a dhà làimhe chum is gu ’n dean na creidich aoradh do an Dia, ni a ta iad a’ deanamh le ’n glùin a’ lùbadh agus dealbh na crois a tharruinn orra féin. Tha an sin an aifrionn (eucharist) air a roinn agus na creidich, an déigh doibh trasgadh ré na maduinne (oir cha ’n ’eil e iomchuidh gu ’m measgadh feòil agus fuil an t-Shlànuighear le biadhaibh eile) ag gabhail di. Ma dhòirtear boinne de ’n fhuil trìd mi-chùram air a’ bhòrd, feumaidh an Sagart am boinne imleach suas, agus an t-àite air an do thuit e bhi air a sgrìobadh, an sgrìobadh a bhi air a losgadh, agus an luath bhi air a tasgadh leis na cuimhneachain (relics) taobh na h-altrach, agus feumaidh esan do ’n d’ éirich so peanas a chur air féin ré dà fhichead latha. Ma thilgeas neach an aifrionn trìd tuiteamais feumar an tilgeadh a losgadh, an luath a thasgadh, agus cuiridh an neach do ’n d’ éirich so, ma ’s sagart e, peanas air fein ré dà fhichead latha, ma ’s easbuig e ré trì fichead latha ’s a deich, ma ’s neach e nach buin do ’n chléir ré deich latha fichead. Tha an sagart a ta ’riarachadh na h-aifrinne a’ riochdachadh pearsa Chriosd, Ard Shagart an lagh nuaidh. Tha an aifrionn féin a’ riochdachadh fhulangais, agus earradh an t-sagairt a’ riochdachadh an earraidh leis an d’ éid iad Criosd ré fhulangais gu masladh a thoirt da. Mar so tha am brat-aghaidh a’ riochdachadh a’ bhréid leis an do chòmhdaich iad gnùis an t-Shlànuigheir, ’n uair a bhuail iad e agus a dh’ iarr iad air fàidheadaireachd a dheanadh, co a bhuail e, Lucas, xxii. 64. Tha ’n leine-aifrionn (alb) a’ riochdachadh na deise ghil leis an do chòmhdaich Herod e; tha ’n crios-leasraidh, an crios-duirne, agus an cota-fada (stole) a’ riochdachadh nan còrd ’s nan cuibhreach leis an robh e air a cheangal aig amannaibh fa leth d’ a fhulangas; tha ’n deis’ uachdair (chasuble) a’ riochdachadh na faluinn scàrlaid leis an do chòmhdaich iad e mar bhaoth rìgh, agus a’ chrois air a driom a’ riochdachadh a’ chroinn-cheusaidh a thug iad air a ghiùlan, agus anns an àite mu dheireadh tha bearradh an t-sagairt a’ riochdachadh a’ chrùin sgithich. “Ach cha ’n ’eil mi a’ tuigsinn fathast cia mar nach ’eil eaglais againn an Albainn,” arsa mise. “Tha mar so,” ars’ esan. “Is i so an eaglais a shuidhich Criosd; tha i fo riaghladh luchd-ionaid nan abstolan, agus tha a buill air an fìrinneachadh ’n an naoidheanan trìd Sàcramaid Naomh a’ Bhaistidh. Dhiùlt na h-eaglaisean agaibhse dol a steach air an dorus so agus uime sin is gaduichean agus luchd-reubainn iad.” “Nach ’eil am Bìobull ag ràdh,” arsa mise, “gu ’m bheil duine air fhìrinneachadh trìd creidimh a mhàin.” [TD 79] “Cha ’n ’eil an sin,” ars’ esan, “ach baoth-chreideamh a thog a cheann ri linn éiridh a mach Lutheir o chionn trì cheud bliadhna.” An déigh mòrain deasboireachd de ’n t-seòrsa so, chunnaic mi nach robh choltas oirnn a’ chéile thuigsinn, ghabh mi mo chead deth ag guidhidh gu ’n cuireadh Dia thugainn leitheidean Mhartin Lutheir a thogadh am fianuis air son puinc fìreantachd tre chreidimh mar a thog esan anns na briathran ainmeil a leanas: “Tha mise, Martin Luther, searmonaiche neo-airidh soisgeul Iosa Criosd, mar so ag aideachadh agus mar so ag creidsinn: nach b’i a’ phuinc so, Gu’m fìrinnich creideamh a mhàin gun oibribh an làthair Dhé, air a tilgeadh bun os-ceann a chaoidh, aon chuid leis an impire, no leis an Turcach, no leis an Tartarach, no leis a’ Phersianach, no leis a’ Phàpa le uile phrìomh-easpuigean, easpuigean, shagartan, mhanaich, chailleach-a-dubha, rìghrean, phrionnsachan, le uile chumhachdan an t-saoghail, no fathast le uile dhiabhlaibh ifrinn. Seasaidh a’ phuinc so olc air mhath leo e. * * * Is e so mo theagasg-sa. So chuir an Spiorad Naomh, an eaglais, agus na fìreana an céill. An so leanaidh mise. Amen.” ISHMAEL IONMHUINN. FREAGRADH DO ORAID GHAILIG DHR. BOCHANAN. GLASCHU, 24mh Màrt, 1873. A DHIADHAIR URRAMAICH, Fhuair mi ann am chainnt mhàthaireil, òraid ris am bheil d’ ainmsa mar ùghdar, agus d’ an tiodal—“Seanachas a thaobh a bhi a’ roghnachadh mhinisteirean á Eaglaisean eile.” Leugh mi an t-iomlan dhi le aire chùramaich. Ceadaich dhomh ann ’s a’ chainnt cheudna, beagan cheisdean a chur riut ann an daimh ris a’ cheist bhuaireasaich air am bheil thu ag iarruidh a bhi a’ soillseachadh nan Gàidheal. Tha thu ag innseadh dhuinn an daimh anns am bheil Eaglaisean Presbiterach Eirinn, Shasunn, Chanada, Australia agus New Zealand a’ seasamh ris an Eaglais Shaoir, mar thoradh air an lagh a bha air a dheanamh leis an Eaglais o chionn tuilleadh agus fichead bliadhna; agus gur h-i a’ cheisd a tha aig an àm so fa chomhair na h-Eaglais Shaoir—“An toir sinn an cothrom ceudna do Eaglais Ralph agus Ebenezer Erskine, urramaich dhiadhaidh, agus a tha sinn a’ toirt do na h-Eaglaisean ud eile”? C’àite am bheil, agus co i, Eaglais nan Erskines?—Tha fios aig a’ chuid is mo de na Gàidheil, agus agadsa, nach ’eil e dligheach a bhi a’ sloinneadh Eaglais nan U.P’s air na h-Erskines—Gu’n do chuir iad Fianuis agus creud Eaglais nan Erskines fo an casan a chionn còr agus trì fichead bliadhna, ’n uair a chlaon iad gu bhi ’n an Voluntaries, agus a dhealbh iad Fianuis ùr anns an robh daimh na h-Eaglais ris an Stata air a h-àicheadh. C’ar son a sgar iad uatha aig an àm ud. Dr. M‘Crie, Bruce, Aitken, agus Hogg, agus a thug iad Dr. M‘Crie, a réir cainnt an Abstoil, thairis do Shàtan—Nach ann a chionn gu’n do dhiult an ceathrar mhinisteirean urramach ud, claonadh air falbh o chreud agus o fhianuis Eaglais nan Erskines. C’ ar son a bha dorus na h-Eaglais Shaoir air fhosgladh do mhinisteirean nan Eaglaisean a chaidh ainmeachadh, air bonn an ionannachd ann an [TD 80] creud agus ann an càileachd rithe féin, le Achd na bliadhna 1850, agus air a dhùnadh leis an Achdc heudna an aghaidh Eaglais nan U.P.’s, ma se ’s gu’m bheil e fìor, mar “nach eagal leatsa a radh, Nach eil Eaglais an diugh air thalamh a shaothraich o chionn bliadhna ann am fion-lios an Tighearna, le tuilleadh eud diadhaidh, maille ri dìlseachd agus fallaineachd an teagaisg, agus le leithid a shoirbheachadh a chum glòir Dhé, agus a rinn Eaglais nan U.P.’s?” Nach ann a chionn gu’n robh iad aig an àm ud, mar Eaglais, mar tha iad an diugh‘ a reir an aideachaidh fein ’n an Voluntaries, dhà-fhillte mar a tha an t-ainm Voluntary, a’ ciallachadh air an aon làimh, a bhi ’cumail suas na h-Eaglais le saor thabhartsan a buill agus a luchd leanmhuinn; agus air an làimh eile, a bhi ag àicheadh nach ’eil “gnothuch aig an Uachdaran aimsireil ri nithibh na diadhachd, agus nach eil gnothuch aig an diadhachd ris-san.” Tha deagh chuimhne agamsa air na làithean a dh’ fhalbh, anns an robh thusa glé dhian agus ro dhìleas an aghaidh na mearachd ud, agus cha ghabh e àicheadh gu’n do chlaon thu cho comharraichte o chionn beagan bhliadhnachan o aideachadh sgriobturail Eaglais Athleasaichte na h-Alba. Agus cha dean e feum dhuitse no do neach eile a bhi ’g àicheadh nach ’eil na U.P.’s cho neo fhallain ’n an Creud agus a bha iad roimhe so mar a dhearbh iad féin leis a’ Mhanifesto a thàinig a mach o chionn dà mhìos. Ciod a tha fianuis chleachdail agus aideachail nan U.P.’s a reir a’ mhanifesto ud a’ ciallachadh a thaobh gnothuch an Uachdarain ri nithibh na diadhachd? C’ arson a tha iad ag iarruidh gach Eaglais Stéidhichte, glan no salach, a thilgeadh bun os cionn—Nach ann a chionn nach ’eil gnothuch aig an Uachdaran ri nithibh na diadhachd? C’ arson a rinn iad na b’ urrainn iad gu bhi dùnadh a mach a’ Bhìobuill as na sgoilean rioghachdail—An ann a chionn nach ’eil uiread meas aca air Focal Dhé agus a tha aig Criosduidhean eile? Cha ’n ann, ach a chionn nach ’eil, a réir an creudsan, gnothuch aig an Uachdaran ri nithibh na diadhachd. Ciod e ’bu nàdur do ’n iarrtus a thàinig o chionn naoi bliadhna o Chléir Dhornoich, agus o Sheanadh Chataobh agus Ghalthaobh? An e, gu ’m biodh an t-aonadh air a dheanamh, olc air mhath? Cha b ’e sud idir an iarrtus, ach a réir do chainnt féin—“Gu’m biodh Committee air a chur air leth a chum beachd nan Eaglaisean ud fhaotainn, a dh, fheuchainn an urrainn aobhar an dealachaidh a tha eadar sinne agus iadsan a bhi air a thoirt air falbh.” Fhuaradh a mach gum bheil eas-cordadh do-réitichte eadar an Eaglais Shaor agus na U.P.’s agus air an aobhar sin, chà’n e “iarrtus nan Cléirean Gaidhealach ud” gu’m biodh dorus na h-Eaglais Shaoir air fhosgladh dhoibh mar a tha iad, ’n an Voluntaries. Cha’n e an iarrtus gu’m biodh Comunn na h-iorguill, d’an goirear gu coitchionn, ach gu mearachdach—Comnnn an Aonaidh, a sior-fhoirneadh a cho-mheasgachaidh so air an Eaglais. Tha fios aig na Gàidhil agus agadsa, nach e an aon aidmheil a th’ aig na U.P.’s agus aig an Eaglais Shaoir. Tha iad eadar-dhealaichte ’n an dòighean riaghlaidh—Tha innealan aoraidh agus laoidhean neo-dheachdte an àite nan Salm aca-san, mar nach ’eil aig an Eaglais Shaoir. Tha iadsan ag àicheadh earrannan do Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh, anns am bheil, a [TD 81] réir do bheachdsa, ioma smid shoilleir do àicheadh mu Eaglais Stéidhichte. Tha an Eaglais Shaor ag aideachadh an iomlain do Leabhar aidmheil a’ chreidimh, mar aidmheil a creidimh féin. Ged is ann o’n aon fhreumh a thàinig iadsan agus sinne, chlaon iadsan o theagasgan agus o riaghladh Eaglais fhianuiseich an Athleasachaidh, mar nach do chlaon sinne fhathasd mar Eaglais. Ged a tha iad ag aontachadh ruinne a thaobh teagasgan saorsa na h-Eaglais; tha iad ag àicheadh uachdranachd Chriosd thar nan uile nithe do ’n eaglais,—an teagasg sin leis am bheil saorsa na h-Eaglais air a barrantachadh. Cha ’n ’eil na U.P.’s a dh’ aon bheachd ris an Eaglais Shaoir agus ri Eoin Baiste, a thaobh laghalachd sgriobturail pòsaidhean brùideil eadar fir agus am peathraichean-céile, no eadar mnathan agus am braithrean-céile. Tha thu ’g innseadh dhuinn “gu ’m bheil cheana anns an Eaglais Shaoir féin, lionmhorachd a tha ’n an Voluntaries cho dian ris na U.P.’s” Ma tha, Is e is dòcha nach fad a bhitheas—Tha latha gu teachd, ann ’s nach bi mic ud na ban-oglaich ’n an oighreachan maille ri mic na mna saoire. Ma tha iad innte. An ann air dorus na h-onoir agus na fìrinn a fhuair iad a stìgh? Ma tha an t-snidhe ’san tigh, am bheil leigheas is feàrr air a chùis na toll a dheanamh ’na mhullach a leigeas a stigh na siontan? A Dhiadhair urramaich agus ionmhuinn, feudaidh tu a ràdh, riumsa mar a thuirt thu cheana ri do bhràithrean, ann an dreuchd na ministreileachd, gur h-ann gu ’breugach no gu h-aineolach “a tha mi cur as leth nan U.P.’s cuid do na beachdan a tha iad féin ag aideachadh gu follaiseach agus gu h-onorach. Is aon ni e, a bhi cur na bréige agus an aineolais as leth do bhràithrean, ach is ni eile e, do chùis dhìtidh a dhearbhadh, air do na U.P.’s iad féin a bhi togail fianuis cho soilleir ’n ad aghaidh agus a rinn iad gu sònruichte anns a’ Mhanifesto a dh’ ainmich mi, agus a tha a nis am fianuis an t-saoghail. Is mi, leis gach urram a dhlighear dhuit, Do sheirbheiseach umhal, GOLL M‘CHALBHIN. A dh’ ionnsiudh an urramaich, RAIBEART BUCHANAN, D.D. SINE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL I. THA ann an sgìreachd dlùth air baile bòidheach Dhunodhain agus air bruaich na h-aimhne àillidh sin, Cluaidh, an gàradh-càil agus mheas maraon ri làrach an tighe bhòidhich a bha o cheann ioma bliadhna air mhàl aig Seumas Caimbeul. Bha Seumas ’na òigeir fìrinneach, agus cho sona is bean fhaotainn air an robh eagal Dé. ’S i cliù na muinntir d’ am b’ aithne i fathasd m’a tiomchioll gu ’n robh Màiri Chaimbeul ’na h-òg-bhean dhiadhaidh a’ fuireach aig an tigh mar a tha ’n t-Abstol ag iarraidh. Bha Seumas a’ tarruing teachd-an-tìr gun aobhar gearain as a ghàradh. Shaoithrich is dheasaich e a ghàradh le leithid de chùram, ’s gu’n robh an toradh a b’ fhearr is a bu tràithe anns a’ chearn sin de ’n dùthaich aige. [TD 82] Chreic e an toradh so daonnan aig prìs riaghailtich, is cha tug e riamh oidheirp air a’ bheartach a charadh, oir is e, mar is minic a thubhairt e a bhi fìrinneach uaill an duine bhochd. Car àireamh de bhliadhnachan bha chàraid stuama so a’ tighinn beò gu sona ’n am bothan beag. Cha ’n ’eil ag nach b’ éigin doibh saoithreachadh gu goirt agus air uairibh mar a bha air innseadh domh ioma goimh fhulang ann an dùllachd a’ gheamhraidh. Ach bha iad ionmhuinneach mu chéile agus anns an ath àite, do Dhia mheas iad gu ’m b’ e an dleasannas aon a chéile thoileachadh; agus fhuair iad mar a ta an fhìrinn ag ràdh, gu ’r fearr lòn luibhean maille ri gràdh na damh biadhta agus fuath leis. An déigh a sheirbhis là cha do leig Seumas uair air bith dheth caibideal a leughadh ri a mhnaoi agus ùrnuigh ghoirid a chur suas ri Dia mu ’n do ghabh iad mu thàmh. Cha b’ i toil De gu ’m bitheadh aig Màiri ach aon leanabh, gidheadh cha do mhill iad an t-aon so le tuillidh ’s a chòir de mhùirn mar a ta mòran ’n an suidheachadh a’ deanamh. Ged nach do chaomhainn Màiri riamh an t-slat an uair a bha i feumail, gidheadh cha robh anns a’ choimhearsnachd màthair a bu chaoimhneile. An uair a bhitheadh Sìne math chluicheadh i maille rithe; sheinneadh i dhith; ghiùlainneadh si i gus na blàir uaine a’ leigeil fhaicinn dhith nam beanntan àrda gorma fad as; nan eun bòidheach anns na geugaibh agus nam bàtan beaga air an amhainn. Mu ’m bu ghann a b’ urrainn i labhairt, theagaisg i dhith ùrnuigh ghoirid a dheanamh ri Dia is dleasannas do thaobh, maille ri a dleasannas d’a comh-chreutairean féin. Air do Shìne a bhi mu thri bliadhna dh’ aois thug a pàrantan leò i gach lá gus an tigh-aoraidh agus aig na h-amannan sin chòmhdaich iad i gu poncail glan, ach uair air bith cha do chàraich iad suas i le rìomhadh gun fheum. Ach b’ i toil De co dhiù deadh phàrantan an leinibh so a thoirt uaipe. Air do Shìne a bhi mu shè bliadhna dh’ aois thàinig fiabhrus eagalach do ’n àite, a rinn air tùs greim air Màiri agus a rìs air a fear agus leis an robh iad a dh’ aindeoin gach léigh is cungaidh-leighis air an gearradh le chéile sìos. Ach cha robh am bàs ’na olc air bith doibh-san. Bha an gath air a thoirt as a bhàs doibh oir bha an earbsa ann an Dia, agus a réir a thoile thug e leis iad as an t-saoghal bhrònach, aimhreiteach so do ’n àite shona sin far a’ bheil daoine air an deanamh comh-ionann ris na h-aingle, agus ’n an cloinn do Dhia. Ach bha am bàs a rèir coslais ’n a mhi-fhortan mòr d’ an caileig air son an robh mo bhean is mi féin cho duilich is gu ’n tugamaid leinn dhachaidh i mar bhi gu ’n robh mòran cloinne againn féin. Cho luath is a chaochail a h-athair agus a màthair thugadh air falbh do thigh-nam-bochd i. An déigh dith bhi an sin mu dhà mhìos ghabh seana bhean a bu phiuthar seanar dhith is a bha chòmhnuidh ’s an sgìreachd os làimh a cumail gus am bitheadh i dà bhliadhna dheug na ’n toireadh an sgìreachd dith dà sgillinn deug ’s an t-seachduinn. Air do ’n sgìreachd a h-aonta thoirt leis an tairgse so thug piuthar a seanar an leanabh leatha do ’n bhaile agus ri bliadhnachan cha ’n fhaca mi tuillidh dhith; oir mu’n ám sin b’ i toil De mo smachdachadh le trioblaid a dh’ fhàg mi ré ùine fhada neo-chomasach air freasdal do m’ sgìre. Aig ceann da bhliadhna dheug rinn Dia ’n a chaomh thròcair m’ aiseag a rìs gu slàinte, [TD 83] agus an sin chaidh mi do Dhunodhain uair is uair ach chaidh dhiom a lorgachadh. Bha piuthar a seanar marbh is a tigh fàs. Mar se cha robh e comasach dhomh cuideachadh air bith a dheanamh le nighean dheagh Sheumais Chaimbeil. Ach bha mi earbsach nach bitheadh Dia mall gu ghealladh a choimhlionadh a bheannachadh leinibh na cáraid ionmholta so, agus mar a bha mo dhòchas thàinig e gu crìch. Bheannaich Dia Sìne Chaimbeul. Gun ag dhearbh e i ré tamull ach thug e fadheòidh dhithse a chuir le deuraibh buain le h-aoibhneas. Bha Seumas agus Màiri Chaimbeul marbh mu thrì bliadhna deug an uair air feasgar àraidh is mi a’m’ shuidhe maille ri ’m theaghlach ri taobh na teine a chaidh mo ghairm gus an dorus a dh’ fhaicinn borionnaich aig an robh tàmh-thigh dìblidh ach measail anns a’ bhaile. “Ghabh mi dhànachd,” ars’ ise, “teachd thugaibh a dh’ iarraidh oirbh tighinn a dheanamh ùrnuigh maille ri boirionnach òg bochd a tha réir coslais dlùth do ’n bhàs.” “Agus cò,” arsa mise, “àm boirionnach òg a tha an so.” “Cha ’n ’eil ach beagan eòlais agam oirre,” fhreagair i. “Thàinig i dh’ ionnsuidh mo thighe o cheann cheithir latha deug aig deireadh na garbhdhoinninn thàirneanaich agus dhealanaich ud a bhuail binnein na h-eaglais, is a thug air a’ chraoibh mhòir pheur agaibhse seargadh.” Bha e da uair a dh’ oidhche ’n uair a bhuail i ’s an dorus. Thuit dhomh gu ’n robh mi air mo chois ag crìochnachadh ni éigin no cha leiginn idir a stigh i. “An saoil thu,” arsa mo bhean a choisich a mach am dhéigh, “co as a thàinig ì.” “Gu dearbh,” fhreagair a’ bhean, “cha ’n ’eil mi saoilsinn gu ’n tainig i ro fhad air astar, oir ged a bha ni no dha paisgte ’na làimh cha robh aon chuid boineid no clòca oirre.” “Tha eagal orm,” arsa mo bhean is i ag amharc ormsa, “gur e h-innte creutair mi-fhortanach éigin do nach aithne Dia. “Gu fìrinneach le ’r cead,” ars’ a’ bhean, “cha tugainn àite am dheòin do dhroch aon air bith ann am thigh, ach tha mi da-rìreadh a’ smuaineachadh nach urrainn aon air bith aon droch ni a ràdh ris a chaileig aonranaich bhochd so. Tha i anabarrach pongail agus simplidh ’n a còmhdach agus ro shìobhalta caoimhneil ’n a dòigh. Am feadh a bha i ’n a slàinte, bu tric ré na ceud seachduinn a bha i maille riumsa rinn i beagan obair do Mhac Colla an tuathanach do ’m b’ aithne mar a dh’ innis i dhomh, a h-athair agus a màthair agus an sin phàigh i dhomh, a da sgillin gach oidhche air son an tighe, ach o’n dh’ fhàs i bochd is gann a b’ urrainn i uiread a thogail is a ghleidheadh i o bhàsachadh, le bhi reic aon an déigh aoin nam beagan bhadan aodaich a thug i maille rithe. Tha Bìobull ciatach aice maille ri Leabhar-shalm a tha a ghnàth ’n a làimh. Iad sin cha bu toil leatha air chor air bith a reic, tha i ag radh, oir nach ’eil aice do luchd-comfhurtachd ach iad.” “Nach dubhairt thu” arsa mo bhean, “gu ’m b’ aithne, do ’n tuathanach Mac Colla athair is màthair na caileige bochd so.” “Thubhairt le’r cead” ars’ a’ bhean, “Bha iad a chòmhnuidh ’s an sgìreachd so o cheann na h-uiread de bhliadnachan. B’ e Caimbeul a b’ ainm doibh.” “Caimbeul,” ghlaodh mo bhean, “am bheil e comasach,” agus sheall i ormsa. Dh’ eirich mi air ball agus dheifrich mi an déigh na mnatha do ’n bhaile a’ breithneachadh romham air dìomhaireachd slighean an Tighearna, cionnus a tha an t-ionracan car tamuill a réir coslais air a bhruthadh am feadh a tha an t-aingidh a’ soirbheachadh. Ach tha fios againn gu ’n oibrich na h-uile nithe chum maith do ’n dream aig am bheil gràdh do Dhia. (Ri leantuinn.) [TD 84] TIR NAM BEANN ’S NAM PHARISEACH. ORAN molaidh do’n urramach Seòrus Mac Aulaidh, ministeir na h-Eaglais Shaoire ann an Seann Chilpàtric—air do ’n ùghdar iomradh a leughadh air searmoin a liubhair Mr. Mac Aulaidh ann an Alexandria air an 20mh là do’n 9 mhìos 1870, anns an robh na briathran a leanas:— “A thaobh na Phariseachd, is maith is aithne dhomhsa a nàdur agus a spiorad; air dhomh a bhi air m’ àrach ann am measg nam Phariseach—’s iad sin Ministeiran agus Seanairean na Gaedhealtachd—cha bu toigh leam a bhi dìteadh mo luchd-dùthcha, am measg am bheil mòran do chriosduidhean fiùghail; ach ’s e an drùghadh a rinn iad orm, gu’m bheil gnè do thlachd féin bhrosgullach aca ann a bhi a’ saoilsinn nach bi àireamh na muinntir a théid a thèarnadh ach tearc. Ann an dìon teagasg an taghaidh, is gnàth leò an toiseach a bhi làn chinnteach gu’m bheil iad féin am measg na muinntir thaghta.” FONN—“Green grows the Rashes O?” Mo ghaol an Gàedheal barrasach, Mac Aulaidh ’n Seann Chilpàtric, Saorthoileach gun lùb gun fhoill O thìr nam beann ’s nam Phariseach. ’S e dh’ fhàg do chliù cho annasach, Cho soilleir, òirdheirc, aithnichte, Gun d’rugadh tu ’s gun d’fhuair thu d’àrach ’Measg nan Gàedheal aineolach. Mo ghaol, &c. ’Measg nan Gàedheal fiata borba, Dìomhair, dorcha, dannara, ’S iad làn do lùbaireachd ’s do cheilg, ’S gun ac’ ach dealbh an aideachaidh. Mo ghaol, &c. Mar òr gun sal nach caochail snuadh Ged thumta ’n ruadhan salach e, Cha d’thàinig claonadh smal no ruaimleachd Air do bhuadhan barraichte. Mo ghaol, &c. Agad fhéin tha ’n inntinn uasal, Dha ’m bu dual an fhallaineachd, ’S an cridhe glan nach gabhadh truailleadh Dh’ aindeoin cluain nam Phariseach. Mo ghaol, &c. ’S tu féin an Cismhaor aithreachail, Le ’n dìtear uaill nam Phariseach; ’S an àm bhi ’togail AIRC AN AONAIDH, Cha bu chlaon ’sa’ charraid thu. Mo ghaol, &c, ’N uair théid leat a cur gu sàile, Fág air traigh nam Phariseach; ’S a h’uile ACHAN ’tha ’s a’ chàmp Do shliochd nan Gall ’s nan Sasunach. Mo ghaol, &c. Glac am falmadair ’n ad dhòrn, Bi gramail seòlta caithriseach, Leig a ceann an taobh a théid i, Na cuir éis no grabadh orr’. Mo ghaol, &c. Cum a sliasaid ris an fhuaradh Deas no tuath ’g am faigh thu i, Gus an gabh i ’n grùnnd gu foil Air beanntaibh bòidheach “AMYRALD.” Mo ghaol, &c. Bi sìor luaidh air glòir an AONAIDH, Fad ’s a chaomhnar d’ anail dhuit; Mol an gràs a rinn do shaoradh, O sheann taois nam Phariseach. Mo ghaol, &c. Seann taois CHALVIN agus PHOIL Nis mò cha chuir an aileag ort, ’S ann gheibh thu ’n iocshlaint choisgeas t’ ìotadh ’N tobar fìor uisg AMYRALD. Mo ghaol, &c. MUILEACH. [TD 85] PADRUIG MAC GILLEADHAIN. THUG co-thional Thobarmhoire gairm aon-sgeulach do Mhr. Mac Gilleadhain, ris an do ghabh e, agus bha e air a shuidheachadh air an treas latha do cheud mhìos an fhogharaidh ’s a’ bhliadhna 1843. Bha e ann an saothair cho pailt ’s a bha e riamh, cha ’n e mhàin ’n a cho-thional fhéin, ach air feadh Mhuile air fad, ’s a’ Mhorairne, ann an Ardnamurachan, agus ann an àiteachan eile—b’e da rìreadh teachdaire nan eaglaisean e. Phòs e air an t-seachdamh là deug de cheud mhìos an fhogharaidh 1843, agus fhuair e bean-uasal a bha “’na còmhnadh d’ a réir féin” anns gach dòigh, ach ged a bha ’n t-aonadh cho sona, agus an dachaidh cho taitneach, cha do chum e uair an uaireadair riamh e o dhol a shearmonachadh Chriosd do na sgìreachdan mu ’n cuairt, agus tha iad beò fhathast a threòraich e thairis air beanntan Ardnamurachan air oidhche dhorcha fhiathaich gheamhraidh, le lanntair beag a’ soillseachadh na slighe thairis air starrain gharbh’ nan aimhnichean ’s iad nan cruaidh-leum; ach théid gràdh troimh theine ’s troimh uìsge—agus bha “gràdh Chriosd ’g a cho-éigneachadh gu bhi beò cha ’n ann da féin, ach dha-san a fhuair bàs air a shon.” Rugadh a’ cheud leanabh da ann a’ mìos meadhoin an t-samhraidh, 1844; de cho dùrachdach ’s a ghuidh e os ceann na tiodhlaic ùir so o ’n Tighearna. Agus ann an ùrnuigh air son slàinte an naoidhein shaol leis gu ’n d’ fhuair e an earrann so, “Ni sliochd seirbhis dha: measar e do ’n Tighearn’ mar ghinealach.” (Salm xxii. 30). Fad an dà bhliadhna dheug a shaothairich e ann am Muile thug an Tighearna a ghnùis da, agus bha àireamh nach bu bheag air an tionndadh bho dhorachadas gu solus. Chaochail ’athair agus a mhàthair ’s an àm sin, freasdal a bha glé dheuchainneach dha, do bhrìgh gu ’n robh a ghràdh dhoibh ro dhomhain. Dh’ fhiosraich an Tighearna a theaghlach le bàs aon do ’chloinn; thug sin esan ni b’ fhaisge air làimh an Tì a smachdaich e, agus fhuair e gràs gu bhi ’pògadh na slaite. ’S a’ bhliadhna 1853—air iarrtas na h-Eaglais, chaidh e shaoithreachadh car treis do Cheap Bhreatunn agus Nova Scotia, cha deachaidh tàmh air ach a’ searmonachadh ’s a’ frithealadh òrduighean—mìltean ag éisdeachd, anns gach àite. Bha déigh mhòr aca air a chumail, ’s chuir iad gach buaireadh a smaoinicheadh iad mu ’choinneamh airson a chumail gun tighinn air ais do Bhreatunn ach ann ceann cùig mìosan phill e gu Tobarmhoire air a shàruchadh, agus air ùrachadh le ’shaothar ann an America. Fhuair e gairm dhùrachdach o cho-thional Steòrnabhaigh ’sa’ bhliadhna 1855. Dh’ fhàg e co-thional beag, airson co-thionail ro mhòr agus cudthromach; cha robh an dealachadh furasda, ach chunnaic e mar dhleasannas air Muile fhàgail. Chaidh e sàs ’n a obair ann an Steòrnabhaigh gu gramail, a’ saoradh a cho-thionail o fhiachaibh trom’; a’ searmonachadh an t-soisgeil o thigh gu tigh, agus o ’n chùbaid a’ searmonachadh trì uairean gach sàbaid, agus a’ cumail coinneimh ùrnuigh dà uair ’s an t-seachduin, agus ag ullachadh gu coguiseach gach ni ’bha e toirt ri aghaidh an t-sluaigh. ’S a’ bhliadhna 1856 bha mòran air an dùsgadh gu [TD 86] cùram mu’n anam; agus a rithist ’s a’ bhliadhna 1859 bha so ni bu choitchinne am measg an t-sluaigh; bha a làmhan làn, agus làmhan an fhir-chuideachaidh a bha maille ris car treis. Cha robh aobhar faicsinneach air bith air son a’ ghluasaid so ach searmonachadh theagasgan mòra an t-soisgeil:—eadhon, Tuiteam an duine o Dhia—am feum air ath-bhreith leis an Spiorad,—Gràdh sìorruidh Dhé do pheacaich chailte—Fulangas agus bàs Chriosd—agus slàinte air a tairgse gu saor do pheacaich. Thug Dia a ghnùis; agus ghiùlan na teagasgan sin toradh. Bhrist a shlàinte, agus b’ éigin da turus a thoirt do dh’ America air son fois, agus an dòchas gu ’m biodh e ni b’ fheàrr le a thurus mara. Ged a fhuair e buannachd o ’thurus, cha robh e comasach air searmonachadh gu toiseach na bliadhna 1863. Bha so deuchainneach dha; sgrìobh e, “Thug an Tighearna uam an t-aon ni a dh’ iarr mi air—gu ’n ceadaicheadh e dhomh bhi ’searmonachadh an t-soisgeil do pheacaich bhochda—agus co-chomunn a bhi agam ris féin, agus ri ’phobull ann an tigh an Tighearna;—tha mi ’g ionndrainn na comhfhurtachd spioradail agus na beatha a b’ àbhaist dhomh bhi agam ann an òrduighean, ach is e mo chrann-ceusaidh. O! Thighearna thoir dhomh gràs gu a thogail, agus thusa ghlòrachadh ’n am thosd, agus ’n am aonaranachd agus an t-slat a phògadh agus Esan a dh’ òrduich i.” An déigh so bha e comasach searmonachadh gu h-eudmhor agus dùrachdach mar a b’ àbhaist; ’s a’ bhliadhna 1866, chaidh e air ais gu Nova Scotia, agus Ceap Bhreatunn, a’ searmonachadh, agus a’ cur impidh air muinntir na roinnean a leigeil seachad a bha air briseadh a mach an co-cheangal ri aonadh. Chaidh an t-iomradh a leanas a sgrìobhadh ’s an àm so (1866) ’s an “Halifax Presbyterian Witness” “Le mòr thlachd tha againn ri ainmeachadh gu ’n d’ thàinig an t-Urr. Padruig Mac Gilleadhain leis a’ Chlima. Ministeir measail do Eaglais Shaor na h-Alba, a shearmonaich caochladh bhliadhnachan le mòr thaitneachd ann an Wycocomah, ’s e ’bheatha ’so le mìltean ann an Ceap Breatunn ’tha ’ga mheas mar an Athair Spioradail. O cheann seachd-bliadhna-fichead bha Mhr. Mac Gilleadhain ’n a mheadhon air ath-bheothachadh comharraichte ’s an àite so, agus tha toraidhean an dùsgaidh sin ri ’m faicinn, agus tha cuimhne ùr agus thaitneach air na làithean sin fathast.” Thubhairt e fhéin an déigh tighinn dachaidh, “b’ fheàrr leam an sgrìobhadair bhi air ceudan a chuir ann, na mìltean, ’se mo bheachd gu ’m faodadh e ceudan a sgrìobhadh.” Air dha teachd air tìr ann ’n Liverpool sgrìobh e, “De cho taingeal ’s a bu chòir dhomhsa bhi air son na slàinte a thug E dhomh, agus air son mo thoirt troimh m’ obair cho comhfhurtail. Buidheachas d’a ainm naomh. ’Thighearn’ ullaich mise air son a’ bhàis.” An déigh tighinn dachaidh chaidh e ’shearmonachadh do sgìr a bhreith. Fhuair e fuachd, luidh e, agus fad cuig mìosan deug dh’ fhuilling e mòran, bu tric ann an cleachdadh na h-ùrnuigh e ’n a thrioblaid, theireadh e fo ’anail, “Iosa gràdhach, Iosa gràdhach,” agus gu tric, “Rinn mise seirbheis do mhaighstir maith, do mhaighstir maith.” Air an ochdamh-là-fichead do ’n Mhàrt 1868, aig seachd uairean ’s a’ mhaduinn chruinnich a theaghlach mu thiomchioll, thog e ’làmh ris gach aon fa leth, mar gu ’m biodh e ’g am beannachadh, agus a’ gabhail slàn [TD 87] leò; mu ochd uairean ’san fheasgar chodail e ann an Iosa. Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs ’s an Tighearna, á so a mach; seadh a ta an Spiorad ag ràdh, chum gu faigh iad fois o ’n saothair, agus leanaidh an oibre iad. Taisb. xiv. 13. “Nach ’eil fhios agaibh gu ’n do thuit uachdaran, agus duine mòr an diugh ann an Israel?” Bu cheatharneach Mhr. Mac Gilleadhain anns gach seadh—duine air nach robh do dh’ athadh ro ghnùis duine, a ghiùlain leis anns gach àit’ a’ faireachduinn gu ’m b’e ministeir Chriosd—nach faiceadh neach sam bith, ann an àite sam bith, deanamh cuideachd do dhaoine beaga na mòra ’n t-saoghail, cha robh neach do ’m b’ aithne e nach fairicheadh gu ’n robh anama pheacach luachmhor ’n a shùilean. Na ’m faiceadh e dithis, na barrachd cruinn, rachadh e null agus theireadh e “seadh, an ann a’ moladh Chriosd a tha sibh?” Sgrìobh caraid, an t-Urr. A. Mac Dhòmhnuill, Ardchlach, uime:—Bha mi, latha ’sa’ leas maille ris, aig an àm chaidh, chaidh cléireach òg gòrach seachad a’ marcachd air each fiadhaich sgianach, a bha ’g éiridh air a chasan deiridh agus an cunnart an gille ’thilgeadh; bha Mhr. Mac Gilleadhain fhad ’s a bha ’n t-each a’ fradharc mar gu ’m biodh e ’na sheasamh air prìneachan, ’s e sìor ràdh, “Seall air, theid an t-eanchainn ás, duine gun iompachadh a th’ ann. Nach cianail ma théid an t-anam dubh aige ann an tiotadh dh’ ionnsuidh caithir breitheanais? ’Thighearna dean tròcair air.” Thog e fianuis gun eagal an aghaidh bhàllachan, mhisg, agus ro-chùram an t-saoghail so, agus gach nì eile a dheanadh creutairean mi-chùramach mu nithibh spioradail, agus thog so naimhdean dha. Bha e glé chaidreach ri iompachain òg, fhuair iad iad féin ann an làimh caraid aig an robh co-fhaireachduinn riu ’nan eagalan, ’s ’nan dòchasan, rinn e faire thairis orra mar athair air a chloinn. Cha robh a leth bhreac ’s a’ Ghàidhealtachd a’ cur impidh air peacaich; aig àm àraid thubhairt e aig deireadh searmoin, “Dùinibh an dorus orra, ’s na leigibh duine ’mach ás an tigh gus an gabh iad ri Criosd. O anam, seall air Criosd le deis fhada ghil air sìos gu ’shàiltibh, agus crioslaichte le crios òir mu chìochaibh. Tha mi ’cur fianuis air a’ ghréin a tha ’dol fodha ’s an àird an iar gu bheil mi g’a thairgse dhuibh. O, gabhaibh ris,” agus ’sin thionndaidh e ag ràdh, “Fosglaibh an dorus, leigibh air falbh iad, gheibh Criosd feadhain eile, Dia gu’n gabh truas dibh.” Chuala mi e ’criochnachadh seirbhis aig àm frithealadh suipeir an Tighearna, ag ràdh gu druighteach ris na feadhain a bha falbh gun Chriosd. “Tha sibh a’ falbh o bheinn nan òrduighean neo-ìompaichte, salach mar a thàinig sibh; tha sibh a’ diùltadh Chriosd, Dia gu ’n gabh truas dhibh. Tha Sàtan a’ falbh leibh, mar ghille-ceann doill, muin air mhuin, dùn air dhùn, càrn air chàrn, sìos do dh’ ifrinn.” Chaidh na briathran a leanas a sgrìobhadh aig àm a bhàis: “O, fhir mo ghaoil chaidh thu dhachaidh, ’S fliuch mo shùil oir ’s fuar do leabaidh, An cladh Shandabhig tha d’ uaigh; Ach tha t’ anam shuas ’s na flaitheas. [TD 88] Bu tu féin an Teachdair’ dìleas. ’S glan a laimhsicheadh tu ’n fhìrinn, Bheireadh tu a chuid do ’n fhìrean, ’S cha ’n fhàgadh tu an t-aingidh falamh. An t-anam a bhiodh teagmhach fiamhach, ’S imcheist air an robh e diadhaidh, Bheireadh tu dha còmharran lìonmhor. Air cleachdadh gràis ’s an anam. An t-anam bochd a bhiodh air faontraigh, Ag iarraidh ionaltradh nan caorach, Ghlacadh tu air làimh gu caomh e, Gu ’n dearcadh a shùl air ’aodhair. An t-anam a bhiodh luchdaicht’ sàruicht’, Le eallach peacaidh ’s buaireadh Shàtain, Bheireadh tu dha seòladh sàbhailt’, Gu Lèigh-na-slàint’ ’ga ghlanadh. Tha muinntir Steòrnabhaigh ro-chianail, Leamsa cha ’n ’eil sin ’n a ioghnadh, Oir ’s iomadh là air do phianadh, Ruin thu ’n teagasg o ’n a’ Chrannaig.” A’ chrìoch. I. MAC-A-PHEARSON. THEID MI GU IOSA. Mar ta mi gun aon chùis do ghnà, Ach d’ fhuil gu ’n dhòirteadh air mo sgà, ’S gu bheil do chuireadh caomh dhomh tlà, O, Uain Dhé, tha mi ’teachd! Mar ta mi, nis gun mhoill gun cheal, A dh’ ionnlaid m’ anam o aon dubh smal; ’S d’ fhuil féin a dh’ fhuadaicheas gach sal; O, Uain Dhé, tha mi ’teachd! Mar tàim, san uair bochd, truagh a’s dall, Uam sealladh, saibhreas, slàint’ air chall, Ach annad-s’ gheibhear iad mar gheall; O, Uain Dhé, tha mi ’teachd! Mar ta mi, ’nis air udal truagh, Le iomad imcheist ’s cath ro chruaidh, Le gleachd a mach ’s geilt ’stigh gu buan, O, Uain Dhé, tha mi ’teachd! Mar ta mi ’s tu gu ’n gabh tre ghràs, Gu maith, ’s gu ’n glan ’s gu ’n toir a sàs; Do ghealladh, chionn gu ’n chreid gach trà; O, Uain Dhé, tha mi ’teachd! A. M. [TD 89] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 6.] Iune, 1873. LEABH. I.] SINE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL II. An uair a ràinig mi an tigh bha mi air mo threòrachadh a steach do sheòmar beag, far an robh leaba bheag air an robh boirionnach ’na luidhe fo aon phlaide thana agus a réir coslais ann an nàdur do chlò codail. Bha i ro ghlas-neulach agus a réir coslais a’ dlùthachadh ris a’ chrìch leis a’ chaitheamh; ach gidheadh bha sìth-shàimh ’na luidhe air a gnùis a thug barrachd air aon ni a chunnaic mi riamh roimhe. Am feadh a sheas mi sealltuinn oirre—oir cha leiginn leis a’ mhnaoi a dùsgadh—cha b’ urrainn domh gun chuimhneachadh air Seumas agus air Màiri Chaimbeul; agus thubhairt mi rium féin, An i so Sìne bhàn bhòidheach?—ise ’bha o cheann beagan bhliadhnachan fo riaghladh athar is màthar chaoimh a ghabhail cùraim dhi ’s a dh’ fhaire thairis oirre, ’s i gun charaid agus gun dachaidh agus am feum i bàsachadh am feadh a tha i fathasd ann am blàth agus an tréine beatha? Ach tha làithean duine mar fheur mar bhlàth na machrach; fàsaidh e oir théid an oiteag thairis air ’s cha’ n’eil e ann. Am feadh a bha na smuaintean sin a’ dol troimh m’ inntinn dh’ fhosgail i ’sùilean ’s dh’ fheuch i ri éiridh ’na suidhe agus thubhairt i le fèith-ghàire,—“Tha mi gu mòr ’n ’ur comain air son tighinn a dh’ fhaicinn dìleachdain bhochd ged nach robh annam ach pàiste an uair a chaill mi m’ athair ’s mo mhàthair; gidheadh tha cuimhne agam cia minic a thàinig sibh gu ’m bothan, dìblidh ’s mar a bha e; agus cia minic a thug sibh aire gu caoimhneil d’ an caileig.” Thionndaidh mi air falbh a dh’ fholach nan deur a thàinig ann am shùilean, agus air dhise gun a thuigsinn c’arson a thionndaidh mi uaipe agus c’arson nach do fhreagair mi i thubhairt i, “Le ’r cead tha eagal orm gu’n d’ thug mi le ’m shaorsa cainnt oilbheum dhuibh. ’Se is dòcha nach ’eil cuimhne agaibh air Sìne Chaimbeul? Bha m’ athair agus mo mhàthair a chòmhnuidh ri bliadhnachan anns a’ bhothan bheag a tha air bruaich na h-aimhne dìreach fo ’n Eaglais.” Bha mi nis air faotainn cuidte ’s an tioma a thàinig orm; agus a’ gabhail greim d’a làimh thubhairt mi rithe,—“A dhùileag bhochd am bheil thu ’ga mheas comasach gu’m biodh do ghàirdeachas caoin ri m’ fhaicinn ’na oilbheum dhomh? Cha ’n ’eil mo nighean. Cha do dhìchuimhnich mi idir thu, ’s cha do sguir mi chuimhneachadh le tlachd air do phàrantan cliùiteach. Ach c’ àit an robh thu o ’n chaochail piuthar do sheanar? Ciod a thug a nuas gus a so thu? Nach do chòmhlaich thu [TD 90] ri càirdean air bith a rinn do dhìon, a rinn duit àite do phàrantan a chaill thu? An sin fhreagair i ann an spiorad a thug air mo shùilean lìonadh le deoir gàirdeachais. “Cha do chòmhlaich mi gun ag ri mòran chàirdean; ach cha do rinn an Dia sin a ta ’na athair do ’n dìleachdan mo thréigsinn. Chòmhlaich mi ri deuchainnean agus ri buairidhean a lean mi; agus iadsan a bu chòir a bhi ’nan luchd-dion domh leag iad lìontan romham. Ach bha earbsa agam gu’n deanadh Iosa Criosd a thug e féin air son ar peacaidh mo dhìon o’n droch shaoghal a ta làthair. Agus cliú d’a ainm,” thuirt ise, “’s i ’glacadh a làmh ’n a chéile, “rinn e mo shaoradh; tha mi nis os ceann cumhachd shòlasan peacach. Ged a tha mi bochd is éigin domh an ùine ghoirid bàsachadh; gidheadh cha’n’eil mi neo-shona; agus a nis air dhomh a bhi fad air mo thurus cha mhiannaichainn ged a bhiodh e am thairgse, pìlltinn a rìs ri staid slàinte agus ris an t-saoghal charach pheacach so.” Am feadh a bha i mar so a’ labhairt dh’fhàs i ro lag. Dh’ iarr mise oirre mar sin gun tuille a ràdh aig an àm mu na nithe a chaidh seachad, ag ràdh rithe gu ’n robh dòchas agam gu’n rachadh i am feabhas air chor ’s gu’n cluinninn a h-eachdraidh uile. Air domh ùrnuigh a dheanamh r’a taobh dh’ fhàg mi oidhche mhath aice, ’s a’ gealltuinn dith gu’m faicinn i air an ath latha dheifrich mi dhachaidh. CAIBIDEAL III. ’Nuir a chuala mo bhean mo chunntas mu Shìne anmoch ’s mar a bha e air dhi deoch a dheanamh ann an cabhaig thilg i còmhdach uachdair uimpe agus chaidh i sìos do’n bhaile dh’fhaicsinn an trughainn bhochd. Air do thigh bhanaltruim Nic Aoidh a bhi laimh ri dorus a’ ghàraidh chaidh i stigh anns an dol seachad, agus shocruich i rithe air-son curam a ghabhail do’n chaileig euslain bhochd, gus an ghabhadh a h-eucail car a chum na cuid a b’fhearr, no na cuid a bu mhiosa ma dh’ fheudar a ràdh gu bheil am bàs do nionaig cho math is a dhearbh Sìne a bhith ni’s miosa na bhi air a h-aiseag a rìs gu slàinte. Ach tha mi ’tarruing mo sgeòil ro fhada. Is leòir a ràdh gu’n do lean mo bhean agus mi féin air dol a dh’ fhaicinn Shine far an robh i ré dheich làithean. Aig ceann na h-ùine sin bha i air dol cho mòr am feabhas ’s gu’n d’ atharraich sinn i gu tigh bhanaltruim Nic Aoidh far an robh i ni b’ àirde suas ris an uchdaich, agus air an àrdan ghrianach cheudna air an robh mo thigh féin. Bha sinn a’ meas gu’m biodh an t-àite ni b’fhallaine agus ni b’inntinniche do Shìne. Rinn biadh brìoghar agus deadh chùram mòran air a son; gidheadh bha’n lèigh ag ràdh nach b’ urrainn i bhi beò. Fhuair i fuachd a luidh air a sgamhain o’n robh i nis ann an dian chaitheamh, a bha sinn am beachd a chrìochnaicheadh ’n a bàs mu ’n tigeadh an geamhradh. Ach ged a bha fios aice féin co math riuth-san a bha mu ’n cuairt di gu’n robh i ’dol thun a bhàis, gidheadh cha’n fhaca mi riamh aon chreutair a bu toil-inntinniche no a bu shona na bha i ’nuair a thug sin i gu tigh na banaltruim. Buidheachas do Dhia cha robh i a’ fulang mòr phéin. Bha ’lòchran a’ lasadh gu dealrach is bha i deas air-son an turuis air an robh i ’n ùine gheàrr gu dol. Chaith i mòran do’n là a’ leughadh is ag ùrnuigh, agus air uairibh aig àirde na gréine ’s ainmic latha nach suidheadh i aig [TD 91] an dorus ag amharc mu’n cuairt oirre air blàthaibh uaine nan craobh, air an amhuinn a bha ’ruith ’n a caoraibh troimh ’n doire, air an eaglais air mullach a’ chnuic far an robh sùil gu luidheadh a collunn maille r’a pàrantaibh ionmhuinn, am feadh a dh’ éireadh a h-anam an àird osceann nan neul gus an àite shona sin anns am faigh iad-san a ghiùlain buaireadh, crùn na beatha a gheall an Tighearna dhoibh. Am feadh a bha i comasach air labhairt dh’ innis i a sgeul duinn a lìon beagan is began a réir mar a bha i a’ faotainn neirt, leis an robh ar gràdh dhi a bha mòr roimhe, a nis air a dhùblachadh. Ach m’an aithris mi sgeul Shìne mar a tha romham a dheanamh cho fad ’s is comasach mi ’n a briathraibh féin is éigin domh focal na dhà uam féin a labhairt ris na boirionnaich òga sin a ni na dhéigh so eachdraidh Shine Chaimbeul a leughadh. Tha mi nis am shean duine, ceither deug is trì fichead air seann là nollaig. Bha mi ré dhà fhichead bliadhna am mhinisteir ’s an sgìreachd so, agus rè na h-ùine sin ’s urrainn mi ràdh le Daibhidh an rìgh, cha ’n fhaca mi riamh an t-ionracan air a thréigsinn, no a shliochd ag iarruidh arain. (Ri leantuinn.) DO NA GAIDHEIL. Cha bhuineadh dhuinn ar cànain chaomh Gu’m biodh ’g a cumail ann an daors’ Fo dhìmeas is fo tharcuis dhaoin’, An tìr ar gaoil ’g a leòn. Luchd-riaghl’ ar sgoiltean le an-iochd Ni breitheanas gu cinnt an glac’; Mar gabh iad aithreachas d’am peac’ Cha téid iad steach do ghlòir. Cha cheadaich sinn gu’m bi ’n ar tìr Mìltean anam a’ dol a dhìth; Gun aithn’, gun eòlas air an Sgrìobh Is feàrr na mìltean òir. ’S na daoin’ mi-chneasd’ a tha ’san t-saogh’l, ’Tha ’cumail Focal Dhé o dhaoin’ E pronnaidh, ’s bruthaidh ’s cuiridh faoin, ’S le ’n sgrios bheir saorsa mhòr. Ni ’fhocal prìseil a chraobh-sgaoil’ ’S gach teangaidh, ’s cànain ’tha ’san t-saogh’l, ’S de’n Ghàilig ghrinn ni inneal gaoil Gu’r gineal dhaoin’ thoirt beò. Ar làmhan togaidh suas gu nèamh, Is mionnaichidh air Leabhar Dhé, Nach tosd ’s nach sguir sinn bhi toirt beum’ Mur Bi iad réidh ri ’r còir! GILLEASB’ MAC IAIN. [TD 92] DARA TEACHD CHRIOSD. III. Seallamaid ris an fhreagairt so, “amen, seadh thig a Thigearn Iosa.” Bheir sinn an toiseach fainear gur iongantach mar a ghluais an teachdaireachd so cridhe na h-Eaglais. Tha so soillear o na briathran. Feuch mar a dhùisg e tograidhean agus ionndrainn ’na cridhe, “amen, seadh thig”—bitheadh e mar a tha thu ag ràdh. Tha e air a chur ri aghaidh luchd-comunnachaidh ann an dòigh shònruichte aig Bòrd an Tighearna. Agus, O! nam bitheadh iad’ga thoirt fainear gu breithneachail, agus gu mothachail is cinnteach gu’n gluaiseadh e an fhaireachdainn so air an siubhal, “amen, seadh, thig a Thighearn Iosa.” A rìs bheir sinn fainear gu’m bheil esan ag rádh “Gu deimhin tha mi teachd an aithghearr.” Tha an Eaglais agus an t-anam gràsmhor ag ràdh. Amen. Bitheadh e mar tha thusa ag ràdh. Bitheadh suidhichidhean Dhè air an lìonadh suas gu luath. Bitheadh cuibhlichean an fhreasdail a’ ruith gu teann. Biodh cuspairean a’ ghràidh shìorruidh air an tional a stigh gun dàil. Dh’fhaodamaid a’ cheist a chur, c’arson a tha na nithe ud air an sgrìobhadh sìos anns an Leabhar so? Nach ann a chum gu’m biodh iarrtus agus togradh na h-Eaglais air an gluasad gu’bhi ag ràdh, agus sin le togradh làidir. “Amen. Seadh, thig a Thighearn Iosa.” ’San treas àite chi sinn am focal so—“Seadh”—a’ leigeadh ris dhuinn meud nam fairichidhean làidir air an gluasad air siubhal neach tha air fhàgail gun chomas labhairt; tha e ’briseadh a mach mar so, “Seadh!” Is ann air a’ mhodh cheudna ’tha ’n Eaglais ’sa’ cheann teagaisg. Tha i mar gu’m b’ann fo bhuaidh fairichidhean làidir, gun chomas, agus a’ mothachadh nach ruig e leas a’bheag tuilleadh a ràdh, ach “Seadh,” “Amen.” Fa-dheòidh fòghlumamaid o na briathra so—“thig a Thighearn Iosa”—ciod an ùrnuigh a bhuineadh do’n Eaglais a bhi ’cur suas. Bhuineadh dhì an ùrnuigh so a chur suas a’ h-uile latha’san fhàsach, ach gu sònruichte aig bòrd comunnachaidh. Ach ciod e air siubhal na h-Eaglais a tha aig stèidhe nan tograidhean agus nan iarrtusan ud? Tha gu sònruichte, creideamh ann fèin agus ann a fhocal. Tha ereideamh a’ deanamh gnothuich ris mar a tha e’g oibreachadh a mach anns an fhreasdal suidheachadh Dhè. A rìs, tha na fairichidhean so stèidhichte ann an dòchas, “Gu ma beannaichte gu robh Dia agus athair ar Tighearn Iosa Criosd, neach a rèir a mhòr thròcair, a dh’ath-ghin sinne gu beò dhòchas tre aiseirigh Iosa Criosd o na mairbh, a chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, a tha air a coimhead ’sna nèamhaibh dhuibhse.” Tha mar an cendna gràdh da fèin agus d’a theachd aig stèidheadh a’ghnothuich. ’Sann mar so tha’n t-abstol Pòl a’ labhairt mu’n chùis, “cha’n ann dhòmhsa a mhàin ach dhoibhsan uile mar an ceudna leis an ionmhuinn a theachd-san.” Fa-dheòidh tha dùrachd, iarrtus, iondrainn, agus togradh air a shon air an siubhal. Tha so aca air son nan aobharan a leanas. (1.) An uair a [TD 93] thig àm ’fhoillsichidh, an sin bithidh an corp air a thogail suas ann an glòir. “Tha eadhoin sinne ag osnaich annainn fèin a’ feitheamh ris an uchdmhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.” (2.) Bithidh mar an ceudna na naoimh uile air an làn-aideachadh am fianuis nan uile. An dream a chuir an saoghal an suarachas, agus ’s dòcha air an d’rinn an eaglais tàr, (3.) Bithidh iad air am fìreanachadh gu follaiseach o na h-uile ni a chuir an lagh, an diabhol, agus an saoghal as an leth. (4.) Agus bithidh iad air an deanamh uile bheannaicht ’ann an Dia, agus làn mheallaidh iad e tre ’n uile shìorruidheachd. A nis anam ma tha thusa ag altrum a leithid a dh’ iarrtus agus do thogradh ’s a dh’ ainmich sinn—fairichidhean aig am bheil a leithid sud du fhreumh—is cinnteach, gu’m bi fairichidhean freagarrach, air eiridh, uapa. Bithidh tu ’gad uidheamachadh fèin air, a shon, oir “gach neach aig am bheil an dòchas so ann (Criosd) glanaidh, se e fèin, mar a ta esan glan.” Bithidh buaidh aig an teachdaireachd so ort. Fuasglaidh, i d’ aigne, o’n t-saoghal. Seall thusa, anam, an gean a chuir sealladh deth na carbadan, a thàinig Ioseph, air cridhe Iacoib. Rinn an sealladh ud toileach e an tìr san robh e fhàgail, agus dol air astar fada gus fhaotainn dheth mac a ghraidh. Fòghlum leasan o na nithe so uile. Biodh, an teagasg so ’gad dheanamh foighidneach, agus feuch gu’n toir thu ùmhlachd d’ a chuireadh. “A ta ’n Spiorad agus a’ bhean nuadh phòsda ag ràdh thig; agus abradh an tì a chluinneas, thig; agus an neach air am beil tart thigeadh, e; agus cia b’e neach leìs an àill gabhadh e du uisge na beatha gu saor.” Biodh mar so sùil againn ri latha Dhè. Bitheamaid mar so ’ga luathachadh. Amen. S. MACDHOMHNUILL. LEODAICH RAASA. LE D. MACPHAIL, UGHDAR “AN T-EILEIN MUILEACH,” &c. B’E an t-Urramach Mr Calum Mac Leòid, ministeir Sgìreachd Shnìsoirt ’s an Eilein Sgiathanach, am mac a b’ òige do theaghlach Chalum Mhic Leòid, Triath Raasa. Bha Clan-Leòid ’n am fineadh cumhachdach o cheann ioma lìnn; cha’n ann a mhàin ’s an Eilein Sgiathanach, anns an H-earadh agus ann an Leòdhas, ach mar an ceudna ann an caochladh cheàrnaibh air tìr-mòr na h-Alba, mar bha Clann Leòid Assint, Eadrachaolais, Gheanais agus Chaidboill. Bha an t-iomlan dhiubh sud ag aideachadh iochdranachd do Mhac Leòid Raasa, mar an ceann-fine. Bha an t-Urramach Calum Mac Leòid, am mac a b’ òige do theaghlach Raasa, air a chur air leth air son gairm na ministrealachd; agus air dha am fòghlum gnàthaichte fhaotainn ann an sgoilean, agus ann an Oleamhaid-an-Rìgh, an Aibereadhain, fhuar e cead searmonachaidh bho Chléir an Eilein Sgiathanaich; agus goirid an déigh sin chaidh a shuidheachadh ann an Sgìreachd Shnìsoirt, far an do shaothraich e ré a bheatha. Chaochail e ann ’sa’ bhliadhnna 1832. Tha e air a ràdh, nach robh riamh ann ’san eilein ud, aon duine a bu mheasaile na an t-urramach Calum Mac Leòid. Bu shàr-dhuine uasal e, ann an oilein agus ’na ghiùlan, cho math agus ann an gineamhuinn—mar theirear ’san latha so, [TD 94] “duine uasal d’ an t-seann seòrsa.” Rinn taitneachd a ghiùlain, a chaoimhneas comharraichte, agus fialaidheachd ionghradhach a nàduir e ’na chuspair gaoil d’a choithional fhéin; air chor agus gu’m bheil fhathasd fàile cùbhraidh ainme air chuimhne anns an sgìreachd, agus air feadh an iomlain do ’n Eilein Sgiathanach. Bha ’athair—Triath Raasa—pòsda ri nighean do Mhac Choinnich na Comraich. Thàing Iain, a mhac ’bu shine, oighre Raasa, agus bràthair Mhr Chalum ’ic Leòid, gu inbhe àrd-onorach ’na theaghlach agus ’na dhàimhean. Bha deichnear nighean aige. Rinn an t-iomlan diubh pòsaidhean urramach. Bha a’ cheud té dhiubh pòsda ra Iarla Loudoin; agus thàing nighean dhi gu bhi ’na ban-Iarle Loudoin ’na còir fhéin; agus ’na dhéigh sin, gu bhi ’na ban-mharcuis Hastings; agus thàinig nighean eile dhi, gu bhi ’na ban-mharcuis Bhòid. Bha an dara nighean do theaghlach Iain Raasa, pòsda ri Caiptein MacChoinnich—Hartfield, ball do theaglach Chinn-tàil. Bha an treas aon diubh pòsda ri Caiptein Iain MacLeòid, *C. R. Bha an ceathramh aon diubh pòsda ri Còirneal MacLòid—Chollbecks. Bha an còigeamh aon diubh pòsda ri Gilleasbuig Mac Rath, Triath Aird-an-Touill ann an Siorr’-achd Rois—b’e sin athair Shir Iain Mhic Rath, a dh’éirich suas gu inbhe ainmeil anns an Arm Bhreatunnach. Bha an Seathamh té dhiubh pòsda ri Caiptein Ros, ann an seirbheis Comunn nan Innsean-an-Ear. Bha an seachdamh té dhiubh posda ri Olaus Mac Leòid, Triath Unish, ’s an Eilein Sgiathanach. Bha an t-ochdamh té pòsda ris an Urramach Dr Domhnull Caimbeul ann an Sgìreachd Chill-an-Inbhir, an Eara-Gheadheal. Bha an naoitheamh té dhiubh pòsda ri duine uasal d’ am b’ ainn McSweeney, ann an Seirbheis Comunn nan Innsean-an-Ear, agus bha an deichamh aon diubh pòsda ri Martin Martin, Triath Dhuntuilm ’s an Eilein Sgiathanach. Is ann an tigh mòr Raasa, ’nuair a bha an t-iomlan do na bantighearnan òg ud fhathasd fo fhasgadh tighe an athar, mu’n do sgaoileadh o chéile iad leis na pòsaidhean onorach a bha’ feitheamh orra, a chuir Dr Samuel Johnson air chuimhne an cridhealas agus an toileachas-inntinn a shealbhaich e bho ’n aoidheachd fhialuidh eireachdail a fhuair e anns an teaghlach ud; ann an Caisteal Dhùinbhegain, agus ann an teaghlaichean eile ’s an Eilein Sgiathanach, far nach robh dùil aigesan d’ am bu dligheach an cliù da-fhillte so, Goliah na h-àrd sgoileireachd agus Goliah na spìd agus na tarcuis air Albuinn—seadh, far nach robh dùil aige gu’m faigheadh e sìobhaltachd, fòghlum no eireachdas; ach far an d’ fhuair e an t-iomlan dhiubh, ni a dh’ aidich, agus a chuir e air chuimhne gu h-onorach. Fhuair Dr Johnson barrachd do àrd-sgoileireachd am measg mhinisteirean an Eilein Sgiathanaich na bha fiughair aige—tomhas do fhòghlum a chuir iongantas air an teallsanach mhòr ud. Cha b’ ann a mhàin anns na nithibh ud, a bha an, t-Eilein Sgiathanach cliù-thoilltineach aig an àm ud, agus ioma latha ’na dhéigh. Bha gach inbhe d’ a luchd-àiteachaidh comharraichte a thaobh na bha do spiorad na saighdeireachd air altrum leo. Fhuaradh a mach, gu’n robh deich mìle Sgiathanach ann an reiseamaidean-coise an airm Bhreatunnaich ri linn Cogaidh na Frainge. Aig an àm cheudna, dh’éirich àireamh * Royal Navy. [TD 95] nach bu bheag do mhic nan uachdaran agus nan tuathanach mòra, gu urram agus gu àrd-chliù ann an seirbheis shaighdeireil na rìoghachd. Ri linn a’ chogaidh ud, bha anns an Arm Bhreatunnach, do luchd-àiteachaidh an Eeilein Sgiathanaich—21 do Sheanalairean, 1 Seanaleir còmhnaidh (Adjt. General), 48 do Leth-choirneil, 600 do Mhaidseirean, do Chaipteinibh agus do Oifigich ni b’ ìsle no ceannardan-cheud. Bha daoine ainmeil o’n eilein ud ann an Seirbheis-cheartais na rìoghachd (Civil Service). Anns an t-seirbheis ud, thàinig aon do na Sgiathanaich gu bhi ’na Ard-fhear-riaghlaidh anns an h-Innsean (Governor General). Dh’eirich aon eile dhiubh gu bhi ’na Lord Chief Baron of England—inbhe anabarrach urramach, ach anabarrach deacair ’eadar-theangachadh gu Gàilig; agus thàinig aon eile dhiubh gu bhi ’na bhreitheamh ann an Ard-chùirt an Lagha, ann an Albuinn. Bha ceathrar do na Sgiathanaich ’n an Luchd-riaghlaidh air cuid do Ur-threabhachais Bhreatuinn (Governors of British Colonies); agus bha àireamh mhòr dhiubh ’n an Oifigich agus ’n an seòladairean anns a’ Chabhlach Bhreatunnach. Do gach seirbheis dhiubh sud, bha an roinn féin aig Cloinn Leòid. Anns na làithean ud, dh’fhaodadh an t-Eilein Sgiathanach uaill a dheanamh ann an ceathairne ghaisgeil. Tha iad a nis air am fògradh, agus air an dìtheachadh, agus tha aobhar eagail nach bi iad gu bràth air an toirt air an ais. Phòs an t-Urrmach Calum Mac Leóid ’na oige, agus bha teaghlach mòr aige—cùig mic agus cùig nigheanan. Chaidh Calum, am mac ’bu shine, gu seirbheis na saighdearachd, agus chaochail e’ na òige anns na h-Innsean-an-Iar. Chaidh Iain, an dara mac gus an t-seirbheis cheudna; bha e ann an Reiseimaid coise Mhòrair Loudon—an 27mh, gus an deachaidh a cur fa sgaoil. ’Na dhéigh sin, bha e’na cheannard thairis air a’ Pholice ann an Eirinn, far an robh e ann am mòr-mheas. Chaochail e ann an 1845. Chaidh an treasamh mac, Domhnull, do’n Chabhlach, far an do choisinn e àrd-mheas bho na h-Oifigich a bha os a cheann, air son na h-ealamhachd agus na misneich a thaisbein e. Bha e air òrduchadh dhachaidh mar Gheall mhaighistir, Prizemaster, le soitheach luachor a chaidh a ghlacadh, ach cha do chualas riamh iomradh no cùnntas uimpe, agus cha’n’eil teagamh nach do chailleadh an t-òganach gealltanach ud maille rithe. Bha Teàrlach, an ceathramh mac, ann an seirbheis comunn nan Innsean-an-Ear, mar lighiche, gairm anns an d’éirich e gu ìre urramaich, ach leagadh siòs e le buille-gréine thill e ’dhachaidh agus chaochail e ann an Snìsoirt o cheann beagan bhliadhnachan. Chaochail dithis do na nigheanan ’nan òige. Phòs té dhiubh ri duine uasal Frangach d‘am b’ ainm Conderiere, bha iad a’ cumail suas àrd-sgoil ann an Russia. Tha ise ’nis ’na banntraich ann an Odessa, far am bheil i ann am mòr-mheas aig àrd-uaislean an áite sin. Chaochail té eile dhiubh cheann bhliadhnachan, ach cha’n fhada bho na chaochail aon eile dhiubh a bha pòsda ris an urramach Iain Finlayson nach maireann, a bha ’na mhinisteir ’s an Eaglais shaoir ann an sgìreachd Bhracadail. [B’e an t-Urramach Calum Mac Leòid air ’ainmeachadh an so athair an Urramaich Ruairi Mac Leòid Shnìsoirt, mu ’m faighear cunntas leis an ùghdar cheudna ann am páirtean ri teachd.—Deasaiche.] [TD 96] NA MORMONAICH AGUS AN CREUD. Tha mòran air a ràdh o cheann ghoirid mu na Mormonaich is mu’n creud; uime sin bheir sin cùnntas aithghearr, air co iad na Mormonaich, agus ciod a’s creud doibh. Thòisich a’ chreud Mhormonach le Ioseph Mac-a-Ghobhainn a rugadh ’s na Stàtaibh Aonaichte ’s a’ bhliadhna ochd ceud deug is còig (1805). Bha Ioseph, ’na òganach, aineolach, fuasgailte, gun chliù, gun sgoil, gun mhodh. Bha’n teaghlach d’am buineadh e mi-chùramch, neo-sheashmach, ’nam fògaraich o àite gu h-àite a’ cladhach airson ionmhasan a bha iad an dùil a dh’fholuich seanluchd-àiteachaidh na dùthcha ’s an talamh. ’S an obair dhìomhain so bha Ioseph ainmeil mar fhiosaiche. Fhuair e clach àraidh—clach nam buadh—agus an uair a chuireadh e a’ chlach shoilleir so ’na bhoineid is shlaodadh e a bhoineid a nuas air a shùilibh, chitheadh e troimh ’n chloich c’ àite am faigheadh a chàirdean ullaidh. O mhealladh gu mealladh thòisich Ioseph air a ràdh gu’n robh e a’ faicsinn sheallaidhean nèamhaidh. Ged nach robh e aig an àm so ach ceithir bliadhna deug agus ’na ghille lùbach mi-chliùiteach fhuair e mòran a chreid e!! Theagaisg e gu’n d’innis Dia da gu’m b’ iad na h-Innseanaich Americanach, clann Israeil,—a dh’ fhàs ’nan daoine dubha, mar pheanas airson an droch-dheanadais; ach gu’n do ghléidh Dia an eachdraidh,—leabhar naomh,—a bha Ioseph Mac-a-Ghobhainn, na ’m bitheadh e dìleas do nèamh, gus fhoillseachadh do’n t-saoghal. Goirid ’na dhèigh so dh’ ìnnseadh do Ioseph ann an taisbeanadh c’ àite am faigheadh e ’n leabhar diadhaidh so. Le mòr aoibhneas dh’ innis e so d’ a athair ’s d’ a bhràithribh. Dh’ fhalbh athair ’s a bhràithrean air ball air tòir an leabhair ’s thug iad leò airm airson an talamh a chladhach. Ràinig na fir gus an àite ’s thòisich iad air cladhach; cha robh iad fada gus an do ràinig iad air ciste, ach cha bu luaithe a chunncas i na chaidh i ás an t-sealladh. Tholl iad ni bu doimhne ’s chunncas ath-shealladh do’n chiste; ach gu h-obann bheuc taìrneanach,—spùt dealanach,—dhrillsich tein-athair—chlisg an talamh,—chriothnaich na laoich, ’s thug iad an làn a bha ’nan casaïbh dhachaidh leòtha, gun airm gun chiste. Ach ’nuair ’bha Ioseph gun chrith gun gheilt a’ dol dachaidh ’na aonar choinnich aingeal e sgeadaichte le tein-athair. Mhaoidh an t-aingeal ann am briathraibh eagalach air Ioseph, a chionn gu’n robh e co eas-umhal ’s gu’n d’innis e ’n taisbeanadh dìomhair mu’n chiste do neach air bith. Dh’ àithn’ an t-aingeal do Ioseph pilltinn ’na aonar, a’ chiste ’thogal, a fosgladh, an leabhar a thoirt aisde, gun sealltuinn ciod tuilleadh a bha innte, ach a toirt leis agus a h-adhlaiceadh fo lic an teinnteinn. Leis an leabhar fhuair Ioseph dà chloich shoilleir, d’ an thug e ’n toiseach an t-ainm, Speuclair; ach d’ an tug e mu dheireadh an t-ainm, sgriobturail, Urim, agus Thummim. Le amharc troimh ’n dà chloich so b’ urrainn e ’n leabhar a leughadh. As an leabhar so a thug Dia da, dh’ àithneadh da, leabhar a’ chreideimh Mhormonaich a sgrìobhadh. Thòisich Ioseph air a’ bhìobull Mhormonach fhaotainn sgrìobht mar so: Shuidheadh e ann an seòmar, agus chrochadh e cùirtein tiugh eadar e féin agus gach duine ’bhitheadh ’s an t-seòmar. Shealladh e ’n sin troimh na clachaibh [TD 97] agus leughadh e le guth àrd an leabhar nach b’ urrainn neach a leughadh ach e féin, agus sgrìobhadh na cléirich air taobh eile a’ chùirtein gach focal a theireadh e. Na’n tigeadh neach air bith am fogus do Ioseph no na’n sealladh neach air ’nuair a bha e ’leughadh an leabhair so, bhitheadh e malluichte gu sìorruidh. ’S e fear d’ am b’ ainm Sidni Rigdon a sgrìobh o bheul Ioseiph am bìobull Mormonach,—nuadh-thaisbeanadh a thug Dia do Ioseph Mac-a-Ghobhainn!!! Tha e air aithris gu’n robh ’n leabhar, o’n do sgrìobh Ioseph leabhar na Mormonachd air a sgrìobhadh air duilleagaibh òir ann an litrichibh dìomhair nach b’ urrainn neach a leughadh ach Mac-a-Ghobhainn féin le cuideachadh nèamhaidh, troimh shoilleireachd nan clach! Bha e air a roinn ’n a chòig leabhraichean deuga, le còig ùghdair dheug, a’ gabhail a steach eachdraidh mìle bliadhna o rìoghachadh Shedeciah rìgh Iudah gus a’ bhliadhna ceithir cheud is fichead (420). A thaobh nan duilleagan òir o ’n do sgrìobhadh an leabhar Mormonach theirear mar ainm ris an LEABHAR OIR! I. S. MAC NEILL. LAOIDH. O ’Thriath nam buadh! tha’n cruinne ’luaidh do ghlòir, Do mhaitheis phailt, do ghliocais cheirt ’s do threòir; Tha iolach gràidh o bheanntaibh àrd’ ’s o’n chuan, ’S o àird nan speur le caithream éibhinn, buan. ’S Tu chroch gu h-àrd na speuran ’s àillidh sgiamh, ’N an guirme bhòidh’ch, le’n reultaibh ’s òrail fiamh, Tha fiamh an lò o’n ghréin a’s òirdheirc’ soills’; Tha ’ghealach shéimh ’cur sgàil air neul na h-oidhch’; Bidh’n saoghal ait le fiamh na maidne ciùin’, ’S le h-aoibhneas ait bheir teachd an fheasgair cliù, Do d’ àithn’ tha géill nan gaoth gu séideadh dian, Is ceannsachd thonn am boile throm nan sian. Tha iomlain nàduir ’dealradh àgh do ghlòir, ’S do mhaitheas gràidh cha traoigh gu bràch d’ar còir. Thig uisge pailt le ’bhraonaibh feartar, tlàth, ’Ni ’m fàsach ait fo luisreadh reachdmhor blàth, Thig arbhar trom air slios nam fonn; ’s a’ ghrian Gu’m faic an dìthreabh ’fàs le mìle miagh; Fo bhraonaibh tlàth ni ’n fhaiche ’s fàsmhoir’ sìol An cuairt gach bliadhna pailteas fial a dhìol, Cnuic ’s cluaintean fàs tha dreachte ’n àilleachd nuaidh, Fo chòmhdach feòir a’s urail, éibhinn snuadh; Na treudan tric le gean air slios nan cluan, ’S gach fàs-àit’ ùr tha ’labhairt cliù gu buan. O ’Thriath nam buadh! tha’n cruinne ’luaidh do ghlòir, Do mhaitheis phailt, do ghliocais cheirt ’s do threòir; ’S gach ceàrn ge cian mu’n dealraich grian le’ h-iùl, Le ioghnadh ait mu d’ ghlòir gu’n dearc gach sùil; Air oibribh nàduir shoillsich fiamh le bàigh, Ach àird a mais’ tha ’d’ theampull feartar, àigh; O mhaitheas gràis ’bheil glòir a’s àirde buaidh, ’S àrd chliù gun chrìoch an aoibhneas sìor ’ga luaidh. A. M. [TD 98] LITIR O ISHMAEL IONMHUINN. A Dheasaiche Rùnaich,—Air dhomh a bhi ann an droch shlàinte o cheann ùine air ais, cha robh mi comasach air mo chunntas air na h-Eaglaisean Sasunnach a leanailt air a’ mhìos so; agus a chionn nach ’eil lagh do ’n éigin feumar mo leth-sgeul a ghabhail. Ach an àite focal a ràdh mu ’n Eaglais Shasunnaich, dh’ fhaodainn iomradh geàrr a thoirt air Eaglais Ghàidhealaich a bha ann an sgìreachd anns am bheil mi eòlach o cheann còrr agos trì fichead bliadhna. B’e sud an t-àm anns am faighte anns a’ Ghàidhealtachd ministeirean nach toireadh dlighe-eaglais d’an luchd-éisdeachd mur toireadh iad air tùs latha air a’ mhòine, air a chur no air a’ bhuain dhoibh;—ministeirean a cheannaicheadh bò no each an déigh na searmoin air là na Sàbaid. B’e sud an t-àm anns an robh an sluagh ag amharc ri tàlannt a’mhinisteir mar mharcaiche ni bu mhò no mar fhear-searmonachaidh. Am measg nan daoine a bha àrd-chliuiteach anns an àm ud bha an t-Urr. Mr. Dòmhnullach, ministeir na Cille-mòire Lathurnach; agus tha e ceart gu’n rachadh a chuimhne a chur am farsuingeachd a dh’ fheuchainn do ’n t-sluagh nach robh “an t-àm a bh’ann o shean” cho math agus a tha cuid a’ saoilsinn. B’ aithne dhomh seana bhean aig an robh cuid du shearmoinean Mhr. Dòmhnullach air a teanga; cha b’ ann uile gu léir a chionn gu ’n robh iad cho blasda a ghléidh i cuimhne cho math orra, ach a chionn gu ’n cuala i cho tric iad; oir bha e ’na chleachdadh aig Mr. Dòmhnullach a leithid so du romh-ràdh a chur r’ a shearmoin, “Mo chàirdean, a chionn gu bheil an là an diugh fliuch (no teth mar a dh’ fheudte bhi) cha chum mi fada sibh, ach bheir mi dhuibh beagan fhocal air a’ cheann a bha againn là na Sàbaid a chaidh;” agus an sin leanadh a’ cheart searmoin. Am measg nam fàillinnean nach do ghlan smachdaich Mr. Dòmhnullach, bha an sannt. Ann am meadhon a shearmoin aon latha thàinig muinntir Chereara a stigh car air deireadh, agus rinn am ministeir am beatha anns na briathran so. “Tha sibhse an sin, a mhuinntir Chereara le bhur bòtainnean dubha agus le bhur siostaichean scàrlaid, ach cha d’ thàinig aon agaibh riamh le punnd ime no le gur eun gu Mrs. Macdonald.” Cha ’n aithne dhomh co dhiù a thug an t-achmhasan so toradh air bith am measg nan Cerearach; ach cha do shoirbhich leis a’ mhinisteir cho math idir uair a bha e aig Comunnachadh an Gleann-Urchaidh. Thug tuathanach còir cuireadh dha gu thigh. Mhol agus mhol e càise bean-an-tighe, agus cha robh ni ag cur dragh air, ach nach “robh mullachag aig Mrs. Macdonald dhe, agus gu ’m blaiseadh i cho math agus a bha e.” Bha Bean-an-tighe air a comh-éigneachadh gu so a thairgsinn da; agus dh’ òrduich i do na seirbhiseich mullachag a chur ann am màla beag dha, agus ghiùlain e air a dhruim dhachaidh i. An uair a dh’ fhosgail Mrs. Macdonald am màla an àite mullachaig is e a bha aice clach-gheurachaidh!! Cha’n’eil ùine agam air tuille an dràsd; ach nach aobhar taingealachd gu bheil na làithean ud seachad? Is mise, Fhir Rùnaich, Bhur Seirbhiseach dìleas, ISHMAEL IONMHUINN. [TD 99] SGRUDADH LEABHRAICHEAN. Deas-Ghnàth Ordugh Neo-Eisimeileach nan Deadh Theampullach, air son Fhàrdach Iochdarach, fo riaghladh laghail na Prìomh Fhàrdaich Fhìor Fhiachail. Clò-bhuailte le Prìomh Fhàrdaich na h-Alba. 1873. Dain Iochdarach agus Inbhean Ordugh Neo-Eiseimeileach nan Deadh Theampullach. Glascho: G. Mac-na-Ceàrda, 62 Sràid Earraghàidheal. MDCCCLXXXIII. Am Feilleire: 1873. Inbhirnis: Iain Noble, 98 Sràid a’ Chaisteil. Dain Spioradail Le Calum Mac Neacail, Maighstir-sgoile na h-Eaglaise Saoire an Sgìre Bharbhais. Published by M‘Pherson and Co., Stornoway. CHA’N’EIL àit no ùine againn an so mìneachadh air gu dé i Deagh-Theampullachd; ach ’s e a rùn “misgearachd fhuadach as ar tìr.” Tha sinn a’ creidsinn gu’m bheil cuid du’r luchd-leughaidh ’sa’ Ghàidhealtachd a fhuair eòlas cleachdail air “Dìomhaireachdan” an Orduigh so; na nithe so cha ’n fheudar ìnnseadh do’n mhuinntir neo-thimchioll-gheàirrte. ’S ann co-cheangailte ris na Deas-Ghnàthan, mar a ta iad anns a’ Ghàilig, a tha sinn a’ deanamh an iomraidh so. Cha b’i obair glé ghealltanach a bha ann an làmh a thoirt air cuid du na focail Bheurla a chur an Gàilig. Air son “Templar,” tha Teampullach againn; “Worthy,” Fiachail; “Independent,” Neo-Eiseimeileach; “Lodge” Fàrdach, &c.; taitneach no mi-fhonnmhor ’s mar a dh’fheudas iad so a bhi do chluasaibh Ghàidheal, cha ’n ’eil mòran dòchais againn gu’m b’urrainnear feadhainn a b’fheàrr fhaotainn. Chaidh an t-eadar-theangachadh a dheanadh leis an uasal Donncha Mac Mhuirich a chuir air a cois le Gàidheil Ghrianaig a’ cheud Fhàrdach Ghàilig. Cha robh an Deas-Ghnàth aca gus an so ach ann an sgrìobhadh. Tha sinn fìor thoilichte ’fhaicinn anns a’ Ghàilig, cha’n ann a mháin air son ’fheum do Theampullaich Ghàilig ach mar an ceudna gu’m bi e ’na mheadhon a’ Ghàilig a chumail ann an cleachdadh labhairt. Tha an t-eadar-theangachadh fìor mhath agus litireil; a’ Ghàilig fìor-ghlan, agus ceart-sgrìobhte, ged nach ’eil i air a cur an egaibh a chéile cho milis agus cho blasda, shleamhuinn ’s a mhiannaicheamaid. Tha e soilleir o ’n mhodh sgrìobhaidh, ged a tha mearachdan ann, gu’n d’fhuair an t-ùghdar eòlas math air freumhaibh a’ Ghramair Ghàilig—eòlas nach ’eil idir cho tric agus a tha daoine gu coitcheann a’ saoilsinn. Tha cuid du na dàin a tha air an eadar-theangachadh ann an spiorad fìor bhàrdachd. Tha cuid eile, a thaobh cho suarach ’s a tha iad anns a’ Bheurla féin, agus cho mi-nàdurra ’s a tha an rann anns am bheil iad air an cur, na ’eil idir taitneach no nach gabh seinn gu ceart. Ach tha gu tric dha no trì air son gach dleasannais fa leth, agus gheibhear aon dhiubh a ghnàth freagarrach. Tha e saor leinn a ràdh air an láimh eile gu’m bheil feadhainn a tha a’ nochdadh barrachd du spiorad bàrdachd’s a’ Ghàilig na gheibhear anns a’ Bheurla. Nach bu chòir do na Gàidheil Prìomh Fhàrdach Ghàidhealach fhaotainn mar a tha aca ann an Wales? Bha Almanaic Ghàilig againn an uiridh; agus so Féilleire air son 1873. B’i té na bliadhn’ uiridh mòran a bu luachmhoire; oir bha comh-chruinneachadh du Shean-Fhocail, agus du Ghnàth-Fhocail innte a bha ’nam biadh blasda do na Gàidheil. Anns an Fhéilleire so am bliadhna tha làithean nan naomh air an toirt gu math dìchiollach. Tha mòran diubh [TD 100] so air an meas am measg nan “làithean a dh’ aom,” ann an Albainn co-dhiù. Leinn féin b’ fheàrr leinn na Gnàth-Fhocail fhaicinn no na làithean ud. Tha againn ann an so cuideachd mòran de ’n treamusgal ainm a gheibhear anns an fheadhainn Bheurla. An àite mòran diubh so b’ fhearr leinn ainm Ghàidheal fhaicinn. Chì sinn dà “Napoleon III.” ann; rugadh fear anns a’ Mhàrt 20, 1811, fear eile anns a’ Ghiblein 20, 1808; cha d’ fharaid sinn a mach fathast cò dhiubh so a bhàsaich ’sa’ gheamhradh so chaidh! Ach a dh’ aindeoin easbhuidhean beaga de ’n t-seòrsa so agus anns a’ mhodh sgrìobhaidh tha Am Féilleire luachmhor agus freagarrach air son feum coitcheann nan Gàidheal. Cha ’n ’eil na Dàin Spioradail le Mr Mac Neacail ach anabarrach dona air an sgrìobhadh. Tha sinn a’ tuigsinn nach e an t-ùghdar féin a tharruing a mach iad mu dheireadh air son a’ chlobhualaidh. Ged a tha na Dàin sìmplidh ann am briathar agus neo-tharbhach ann am spiorad bàrdachd tha iad cùbhraidh le beatha na diadhachd agus le féin-fhiosrachadh beatha a’ chreideimh. CIOD E ’N DIA BRAM? A réir cùnntas nam Bhédas cha robh ann air tùs ach aon Dia. B’e sud Bràm;—Aon Bhith Mòr, aig an robh a bhith agus fhoghainteas ann agus uaithe féin a mhàin. ’S Esan màthair-aobhair gach bith agus beatha. Tha e do-bhreithnichte, agus uime sin cha dhealbhar gu bràth ìomhaigh cosmhuil ris; cha bhiodh an oidheirp laghail. Tha Bràm gun tùs beatha gun deireadh làithean—sìorruidh. Tha E ann agus feumaidh E a bhi; tha E neo-chrìochnach, neo-chaochlaideach; tha E gun fhad, gun leud, neo-fhaicsinneach, agus spioradail. Tha E uile-chumhachdach, uile-fhiosrach, agus uile-làthaireach,—a’ mealtuinn àrd-shonais mhaireannaich. Cha’n ’eil againn anns a’ chùnntas so air Bràm ach buadhan neo-mhodhannail a mhàin,—cha’n ’eil guth ann air tròcair, naomhachd, ceartas, no gràdh. Tha Bràm neo-chaochlaideach a réir a’ chùnntais so; gidheadh cha’n ’eil ni a’s soilleire ri leughadh ’s na Bhédas na gu’n d’ thàinig atharrachadh mòr air Bràm aig àm sònruichte. Tha an t-atharrachadh air ’ìnnseadh mar so:—Bha E air tùs ’na aonar gun chompanach. A réir beachd nam Bhédas bha E aig an àm ud gun aithne, gun inntinn; bha E gun eòlas air féin, no air ni ’s am bith eile—bha E ’na NEO-NI! Ann an staid na Neo-nieachd ud bha e làn shona. Bha E gun chùram, gun dragh; agus cha robh E a’ deanamh maith no uilc; ach beò ann an sàmhchair shìorruidh, bha E ann an trom chodal, a’ mealtuinn sòlais neo-mheasgaichte, gun uiread agus bruadar no breislich!! Anns an staid iongantaich ud tha e air aithris gu’n d’fhan E ùine mhòr. Fa-dheòidh chaidh aig air dùsgadh. Dhùisg E; smuainich E air Féin. Cha robh ni no neach eile ann air an smuaineachadh E. Chuir E grad stad air sàmchair na sìorruidheachd, ag radh, THA BRAM ANN! [TD 101] Thòisich E a nis air obair. Air dha bhi mi-riaraichte le ’aonarachd féin, dhùisg iarrtus ’na chom gu’m bitheadh bith eile ann. Air ball dhealbh E ’na mhac-meamna an cruinne-cé. Car tamuill bha an dealbh ud a mhàin ’na dhealbh; ach gu grad thoilich Bràm na saoghail a thighinn gu bith; agus thachair sud. ROSACH. MIANN DEIREANNACH BAIRD. LE G. MAC FAIDEIN. Sìos càraibh mi aig bun a’ chùirn Fo thorman tùchanach an uillt,— Fo sgàil an Daraich, measg nan stùchd An sàmhchair aonarachd na coill’. Cas duin’, an sin, mo dhus cha ghluais, Fad ás o luan gun rian an t-saogh’l; Ach dàin nam fiadh-eun éiridh suas Os ceann mo dhachaidh bhuain gach taobh. An Cill cha ’n fhaod mo cholunn tàmh, Measg duslaich àitidh fhuair nam marbh,— Measg chistean-mairbh is luidean grànn’, ’S an oirean òir air cnàmh air falbh. Ach fàileadh cùbhr’ an t-sòbhraich bhàin, ’S nan ròs a’s gloin’ ’s a’s áille snuadh, Ni éiridh air an oiteig bhláith, Nach sguir a mhànran timchioll m’ uaigh. O bhliadhn’ gu bliadhna feadh gach linn Ni chòisridh bhinn an nid gu h-árd ’S a’ bharrach ghorm os ceann mo chinn, Is làimh rium bheir am mach an ál An Uiseag ait le Gréin gach là Togaidh a dàn air sgéith na gaoith’; Is fead na Gobhraig-oidhch’ o’n chàrn Thig air an Aile thar an raoin. An Druid, an Smeòrach, ’s an Lon-dubh Ni leum o dhos gu dos mu’n cuairt; Clisgeadh na coille suas le ’n guth Am pongan làn is gloine fuaim. Fad às o uchd nan tonn cor uair Thig eòin is gloine snuadh na ’n t-or; Is gabhaidh iad air iteig cuairt Os ceann mo tholmain uain’ a’ bròn. [TD 102] FIOS COITCHEANN. B’E ar rùn o’n toiseach cùnntas aithghearr a thoirt o mhìos gu mìos mu nithean a bhiodh freagarrach do ar luchd-leughaidh; o so a mach bheir sinn aire gu’m bi so air a choimhlionadh gach mìos; ni a bhios furasda dhuinn a dheanamh gu h-iomchuidh an déigh so do bhrìgh gu’m bheil a’ Bhratach a thaobh a cur a mach ann an suidhichibh ’is cinntiche na bha i roimhe so. Tha sinn an dòchas a nis gu’n dean ar càirdean gach oidheirp a ’s urrainn iad air an t-sròl Ghàidhealach so a chumail suas; agus tha sinn a’ gealltuinn do bhrìgh gu’m bheil i gu sònruichte agus gu h-achdaidh an làmhaibh Mr MacPhun is a Mhic nach bi gnìomh eireachdais ’s am bith air a chaomhnadh a dheanadh i airidh air clanna nan Gàidheal. An déigh so cha bhi na h-uiread a dh’ àite air a thoirt do Bheurla. ’S e so an sèathamh Aireamh no Pàirt agus crìochnaichidh am pàidheadh bliadhna leis an Dara Pàirt Deug, le mìos deireannach na bliadhna a ta láthair. Tha sinn a’ tuigsinn gu’n robh cuid d’ar cáirdean roimhe so a bha car leisg mu chur air aghaidh an airgeid bhliadhnail air dhoibh eagal a bhi oirre gu’n tuiteadh sinn féin agus a’ Bhratach fo chasan nan naimhdean. Ma ta ma’m b’e Bratach Eirionnach, Spàinnteach, no Fhrangach a bhiodh ann cha’n ’eil teagamh nach fhaodadh eagal gu leòir a bhi air a càirdean; ach ’s ann a ta an so Bratach Ghàilig; agus cò a chuala iomradh air Gàidheil riamh a’ gèilleachdain? no a’ teicheadh roimh an nàimh? Tha sinn dearbhte gu’n seas na Gàidheil Bratach na Gàilig gu daigheann, aon uair agus gu’m faighear iad ’n an sreath no ’n an òrdugh gu ceart foipe. Thigeadh Deasaich is Tuathaich, Searaich is Siaraich gu còmhnadh na Brataich. As gach ceàrn diubh so tha laoich againn cheana—laoich a tharruing claidheimh, a dh’ innseadh sgeòil, no a laimseachadh pinn,—thigeadh an còrr; cha’n ’eil an costus mòr, Mar is mò a thig ’s ann a’s mò agus a’s eireachdaile a bhios ar Bratach a’ fàs. ’S e ar Focal-Creud, agus ar Focal-Faire, agus ar Focal-Catha,—Am Bìobull, an Fhìrinn agus Bàs no Buaidh leinn suas i Ghàidheil. Thigeadh gach fear; biodh e du ’n Eaglais Dhaor no Shaor, Aonaichte, Baisteach no Iomasgailte. So Bratach Ghàilig air son Ghàidheal; agus foipe cha bhi ni ’s mò MacChalbhain no Mac Phòil a’ gearradh amhaichean a chéile. So am mìos anns am bheil Ard-Sheanaidhean nan Eaglaisean Cléireach a’ coinneachadh am prìomh Bhaile na h-Alba—Dunéideann. Anns an ath Aireamh a thig a mach goirid an déigh dhoibh sgaoileadh bidh gearr-chùnntas air na comhdhunaidhean gus an tig iad air cuid du phuincibh cudthromach. Tha ann an Lunnainn mar an ceudna air a’ mhìos so coinneamhan mòra agus lìonmhor an coimhcheangal ris na Comuinn Chràbhach fhiachail ud a tha ’cur an t-Soisgeil a dh’ ionnsuidh nan cinneach. Tha ministeirean agus àrd-uaislean, a bhuineas do na h-Eaglaisean Prothastanach gu léir a coinneachadh ann an sud agus a’ cur fàilte chridheil agus ghràidh air a chéile mu shoirbheachadh Soisgeul na Rìoghachd. Ciod air bith gu dé an gearan a tha air a dheanamh ’nar là agus ’nar linn mu nithean a bhi fàs ìosal tha e fìor thaitneach a thoirt fainear nach robh riamh barrachd a dh’ eud am measg nan Eaglaisean fa leth a chur an t-Soisgeil gu ionadaibh [TD 103] dorcha na talmhainn. Tha eud diadhaidh so an dara neach a’ beothachadh an neach eile. Tha mar an ceudna raointean dorcha aig na bailtibh againn a dh’ fheumadh a bhi air an soillseachadh. A dh’ aindeoin oidheirpean nan Eaglaisean tha e duilich ri fhaicinn na bheil a’ tuiteam air falbh o mheadhonan nan gràs, agus an àireamh mhòr nach d’ fhuair eòlas orra riamh. Mar Ghàidheil tha e cianail leinne fhaicinn, gu’m bheil mòran d’ ar luchd-dùthcha as a’ Ghàidhealtachd ’nam measg sud anns na bailtibh mòra mar a tha Glaschu. Tha gun teagamh oidheirpean air an deanamh gu so a choinneachadh; ach dh’ fheumte tuilleadh. C’arson nach téid buill nan Eaglaisean Gàidhealach ri guaillibh a chéile le dian eud a chur air a h-aghaidh na deagh obrach—a spìonadh an co-luchd-dùthcha a mach as na h-uilc a tha air iadhadh timchioll orra? Tha Fàrdach Ghàilig—Fàrdach Fhinn—air a cur air chois an Glaschu coimhcheangailte ri Ordugh Neo-Eeisimeileach nan Deagh Theampullach. Is aithne d’ar luchd-leughaidh gur h-e rùn a’ Chomuinn eudmhoir so gleidheadh a dheanamh air, agus còmhnadh a thoirt do mhuinntir a tha air tuiteam ann am misg. Is airidh an oidheirp air deagh rùn gach fear agus te le ’m miann math d’an luchd-dùthcha. Tha Paipeir Naidheachd ùr ris an abrar an “Highlander” air tighinn a mach an Ionar-nis air a’ mhìos so. ’S e a rùn sònruichte còirichean nan Gàidheal a thagradh ’s a chumail a suas air gach dòigh. Tha duine eireachdail tapaidh ’na cheann Mr Iain Mac Mhurchaidh a sgrìobh agus a labhair mòran air taobh nan Gàidheal anns gach ceàrn du’n rìoghachd. Cha’n’eil teagamh againn nach bi soirbheachadh math aig a’ Phaipeir. Tha Comunn Gàilig air a chur air chois an Glaschu air son bhi a’ cleachdadh agus a’ teagasg labhairt agus sgrìobhadh na Gàilig. Tha e air a thuigsinn gu’m bi a’ choinneamh fhosglaidh ann an Talla Mòr a’ Bhaile an toiseach an fhogharaidh. BAS AN OLLAIMH MHIC AOIDH.—Air an t-seachdamh là deug de’n Chéitein chaochail an t-Urramach Macantòisich MacAoidh, LL.D., ’na cheithir fichead bliadhn’ a dh’ aois. Mar sgoileir Gáilig, mar fhear-dùthcha, mar fhear-seasamh na ceirt, mar ùghdar, agus gu h’-àraidh mar shearmonaiche an t-soisgeil bha t-Ollamh MacAoidh ainmeil, cha ’n ann a mháin ann am Breatunn ach mar an ceudna ann an ùr-threabhachais ar rioghachd. Bheirear iomradh air a bheatha ’s an ath Phàirt. TIODHLAC.—Air a’ mhìos a chaidh seachad thug Oileanaich Ghàidhealach Aber-Eadhain Tiodhlac de Leabhraichean do ar caraid ionmhuinn, an t-Urr. Seoras MacDhòmhnuill, ministeir na h-Eaglais Ghàidhealaich ’s a’ Bhaile sin, mar thoradh air an gràdh agus an meas. Tuigidh ar luchd-leughaidh gur h-e so an duin’ uasal a thug dhuinn an t-searmoin ghasda air “Dara Teachd Chrìosd,” dheth ’m bheil a’ chuid mu dheireadh anns a’ Phàirt so du’n Bhrataich. BEATHA A. MHIC IOMHAIR A BHA ’N LEODHAS.—Dh’ fhàg Mr. Aonghas MacIomhair, maighsteir-sgoile agus Ceisteir, cunntas mu bheatha féin, ann an sgriobhadh, a thàinig gu ar laimh troimh chaoimhneas a mhic, an t-Urramach A. MacIomhair an Glaschu. Fhuair sinn cead feum a dheanadh dheth air son na Brataich; bidh uime sin cuibhrionn ’s an ath Phàirt. [TD 104] Dh’ iarradh Deasaíche na Brataich ann an so taing a thoirt do na mnathan-uaisle, agus do na daoin’-uaisle a chaidh a dh’ éisdeachd na h-Oraid aige anns an Albert Hall air 25mh a’n Mhàrt; gu h-àraidh do’n Uasal D. Macphàil, Caiptein Hatfield, agus do na h-Urramaich ghrinn R. Blair, E. Gordon, agus Dey, &c. Cha ’n ’eil ni a bu thaitniche le Gaidheil Ghlashu na gu’m faiceadh iad ministeirean nan Eaglaisean Gàidhealach gu léir a’ coinneachadh air an aon bhòrd-labhairt a thagradh an cùisean agus a chumail suas onoir an dùthcha. FOCAIL MISNEACHAIDH. [Beurla] [TD 105] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 7.] Iulai, 1873. [LEABH I. CEIT MHOR. [Dealbh] Ann an Loch-Caronn, air taobh siar siorrachd Rois, bha Mr Lachunn, dà linn riomhe so, ’na mhinisteir. Cha ’n ’eil a bheag du Ghàidheil nach cuala iomradh air an duine so a bha cho ainmeil ’na là air son a dhiadhachd, a shearmonachaidh, agus a spiorad fàistneachd. Bha beothachadh is beatha ro iongantach ’na theagasg ’s ’na dhòighean buntuinn ri peacaich air am bheil cuimhne chùbhraidh gus an là an diugh. Fagus do thigh-tuineachaidh Mhr Lachunn, dh’fhan sean bhean aingidh, a bha a réir cùnntais ciontach do gach peacadh is olc a tha air an toirmeasg an lagh nan deich àithne, ach mort a mhàin. A thaobh cho fearail ’s a bha i ’n a gnè ’s ’na dòigh theirteadh “Ceit Mhor” rithe. “’Se boireannach grànnda a bh’innte,” theireadh Mr Lachunn, “gun mhaise an sealladh Dhia no dhaoine.” Cha bhi e ’na ioghnàdh nach deach a leithid sud du thé a dh’eaglais, agus gu’n d’fhairtlich air a’ mhinisteir a tarruing eadhon cor uair gu tigh Dhé. Dh’fhàilnich dòigh an déigh dòigh a dh’fheuchadh rithe; ri aghaidh achuingean, dheur, reusonachadh coguis a bha gun lasachadh, bha i gun ghluasad. Ràinig i, a réir cosluis air an staid sin anns am bheil an Spiorad a’ stad a strith—an staid uamhasach mu’m bheil an t-Abstol ag ràdh, “nach urrainn iad stad a pheacachadh.” Fa-dheòidh ghabh Mr Lachunn dòigh, air nach amaiseadh mòran, ach dòigh a tha nochdadh dhuinn cliù a’ mhinisteir [TD 106] ann an tomhas, ’n uair a tha e foillseachadh dhuinn a mhòr eud a theàrnadh anma neo-bhàsmhoir. Bha e ’na chleachda am measg nan Gàidheal a bhi a’dol o thighean a chéile a dh’éisdeachd sgeulachdan, bàrdachd, is ùrsgeil. Fhuair an cleachda coitcheann so mar ainm céilidh. Gheibhte Ceit Mhòr gach oidhche air a cuartachadh le luchd-céilidh air an robh i féin cho déidheil. Bha Mr Lachunn fìor eòlach air dòighean Cheit, agus bha fhios aige ciod a ruigeadh iad. Bha e ’na bhàrd, ’se sin rachadh aige air roinn a chur an eagaibh a chéile; agus ’s e a rinn e, chuir e ri chéile ann an rann na peacaidhean ainmeil anns an robh Ceit a’ gluasad; mar so rinn e aoir no òran-càinidh cho sgaiteach ’s a b’urrainn da. Chuir e féin fonn air an aoir so; agus chuir e ’n sin fios air na h-òganaich a bhiodh a dol air chéilidh le Ceit, agus dh’ ionnsaich e dhoibh an t-òran, agus dh’ iarr e orra a ghabhail ’na làthair a cheud chothrom a gheibheadh iad. Rinn iadsan mar so; agus mar a rùnaich Mr Lachunn thachair. Ràinig an aoir cridhe Cheit; ghluais a’ choguis air ball; dh’ oibrich a geòire, tre chuideachadh gràsmhor an Spioraid féin, ann an doimhneachd a h-anma air nach d’ ràinig cuspair ’s an bith riamh roimhe so. Bha an cumhachd dearbhaidh a ràinig air Ceit a nis cho trom agus a bha an cumhachd mi-chùraim is cruas-cridhe fo’n robh i roimhe. Bha an teinn anns an robh i uamhasach. ’Sann a mach feadh nan gleann ’s nan beann a bha i caitheadh mòran d’ a h-ùine. Bha i a’ faireachdainn comh-fhurtachd thiamhaidh ann an cuideachd aonarach nan sliabh a bha le ’n éideadh dubhach a’ comh-chòrdadh ri staid bhrònach a h-anma. Am measg aonaichean Loch-Caronn chluinnteadh gu tric sgal bhròin agus guthan brùite aithreachail Cheit Mhòir. Sheall i airsan a lot i agus a nis tha i deanadh caoidh air a shon ann an seirbhe a h-anma. B’ éigin do Cheit imeachd iomadh là air sligh theinntich. Domhainn ’s mar bha ann dearbhadh cha robh coslas air gu’n aotromachadh e; chaidh seachduinean, mìosan, is bliadh nachan seachad, agus fathast bha a teinn cho cruaidh agus a bha i riamh. “Cha do tharruing anail riamh truaghan cosmhuil rithese; dh’ fheudadh e bhi air son chaich ach cha robh dochas ’s am bith aig Cheit Mhòir!” Bha e iongantach gu dearbh. Ràinig i aois mhòr ’s a’ pheacadh; cetheir fichead no deich is ceithir fichead, Cha ’n e cumhachd faoin a bheir bruthadh air a’ chridhe a tha a’ cruadhachadh ré ceitheir fichead bliadhua ann an cùrsa peacaidh. ’S e mìorbhuille ann an saoghal gràis a dhùisgeas faireachduinean a tha air tiormach suas ann an aois agus ann am peacadh. Bha cùis Cheit ’na “ioghgadh do mhòran,” ’na ioghnadh do mi-chreidich, do’n eaglais, agus di féin. Lean am bròn diadhaidh ann an Ceit rè iomadh là. Bha saighdean an lagh dian agus teinnteach mar a dh’fheumadh iad mu’m b’urrainn cruas- [TD 107] cridhe a seann aois a bhi air a sgealbadh. Agus a dheanadh a’ bhròin ni bu déine, agus éifeachdach chum slàinte a h-anma, thòisich gaol a’ chroinn-cheusaidh air leaghadh sgealban a’ chridhe nàduir agus air gabhail an àite ud anns an robh cùbhraidheachd a’ pheacaidh agus na feòla gus an so. Ghuil Ceit agus ghuil i da-rìreadh air son a peacanna;—ghuil i gus an d’thug sileadh nan deur air falbh sealladh nan sùl. Tha e air fhianuiseachadh le mòran gu’n d’fhàs i dall le deuraibh a bròin! Ceit bhochd! Cha’n fhaicear thusa ni’s mò a’ gul air aonaichean Loch-Caronn! Cha’n’eil sgal do bhròin ni’s mò a’ dùsgadh mac-talla nan creag; oir shiab Dia féin gach deur o d’ shìulibh; agus ’nuair a dh’éireas do dhuslach beannaichte á uaighean Loch-Caronn, togaidh tu fuinn aoibhneach air clàrsach do Dhé, ’n uair a sheasas tu air an fhairge ghloine anns an àite sin anns nach bi pian, bròn, no gul ni’s mò; oir chaidh na seann nithe seachad. Air do mhinisteir a bhi cuideachadh Mhr. Lauchunn aon uair aig a’ chomunnachadh, ’s e coiseachd a mach le Mr Lachunn aon uair, chual e fad as gearan boireannaich ann an teinn mhòir. “Stad!” thuirt esan, “an cluinn thu an glaodh ud? Ciod a th’ann?” ’S math a b’ aithne do Mhr. Lachunn. “Coma leat,” thuirt esan; “’s iomadh deur a chost a’ bhean sin dhòmhsa, guileadh i air a son féin a nis.” Gidheadh, bha Mr Lachunn fìor chaoimhneil ri Ceit ’na cùisibh tìmeil cho math ’s ’na cùisibh spioradail. Tha e air ìnnseadh mu ’déibhinn aon uair a bha i ann an Citsein rm. Lachunn a’ feitheamh ’fhaicinn gu’n d’ thug i ’n aire do ghur thunnag a bha mu’n tigh. Cha d’thug i fainear gu’n robh duine ’s am bith ’g a h-éisdeachd, ’n uair a thòisich i air gearan a mach, “O chreutairean sona, sona—cha do cheus sibh Slànuighear mar a rinn mise; o nach bu mhath do Cheit Mhòir nach biodh aice ri cùnntas a thoirt air son peacaidh—O air son peacaidh!” Feudaidh so a bhi faoin am beachd cuid, ach cha robh ann ach faireachduin a thuigeas mòran. ’San treas bliadhna o àm a dùsgaidh bha Mr Lachunn iarrtusach air gu’n suidheadh i aig bòrd a’ chomunnachaidh. Ach cha robh ise deònach. “Gu’n rachadh ise gus a bhòrd naomh sin! ise, té a bha suas gu guailnibh ann am fuil an t-Slanuigheir! Shalaicheadh ise ann coithional uile. Cha rachadh ise ann a chaoidh!” Thàinig an t-sàbaid agus cha d’ atharraich beachd Cheit. Chaidh frithealadh do na bùird aig a’ chomunnachadh, agus na h-eileamaidean a ghiùlan air falbh, agus chaidh am ministear air ’ais do ’n “phailliun,” ’s e dol a chomh-dhùnadh air ball ’nuair a chualas glaodh eu-dòchasach o thaobh a muigh a’ choithionail—glaodh boireannaich ann an teinn. Thug a sgal fuaim ás na cnuic mu ’n cuairt. B’e sud guth Cheit Mhòir a shaoil gu’n robh a’ h-uile ni seachad agus nach tigeadh cothrom a chaoidh tuilleadh! Bha an cothional làn ioghnaidh! dh’ éirich ceudan ’nan seasamh ag amharc ris an àite as an d’ thàinig an glaodh. ’S math a thuig am ministeir co a bh’ ann. Chaidh e air ball gus an àite; agus rug e air làimh air Ceit gu caoimhneil agus thug e i gus a’ bhòrd agus chuir e i ’na suidhe leatha féin aig a cheann. Dh’ iarr e na h-eileamaidean a bhi air an cur air a’ bhòrd a rìs. Thòisich Mr. Lachunn an sin air labhairt o bhriathran a bha ach beag cho iongantach ris a chòrr; na briathran a labhair Maois ri Pharaoh (Ecsod. x. 26); [TD 108] “Cha ’n fhàgar speir ’nar déigh”—a tha a’ comh-fhreagairt gu soilleir ris na briathran, “Ghléidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h-aon diubh.” Aig deireadh gach argumaid dh’ aithriseadh am ministeir, “nach biodh aon air an call, nach biodh eadhon Ceit Mhòr!” Bha cuimhne air an t-seirbheis ud mar “bhòrd Cheit Mhòr.” Tha e air a ràdh nach robh ni bu lugha na da cheud anam air an toirt fo ghluasad anma an là ud; agus gu’n do thaisbean mòran diubh toraidhean na fìor dhiadhachd. Bha Ceit Mhór beò trì bliadhna an déigh a’ chomunnachaidh ud an sealbh air an “t-sìth sin a tha dol thar tuigse,” a’ nochdadh nan comharraidhean ud uile a tha ’nan toradh air slighe faguisgeachd do Dhia. TEAGASG NAN AITHRICHEAN. Earail do luchd-comunnachaidh aig Bòrd an Tighearna le Mr Mac-Adam. Dh’aidich sibh a nis gu follaiseach gur deisciobuil do Chriosd sibh; ach leigibh dhomh-sa a’ cheist a chur ribh, Ciod i ’ur barail mu Chroisd? Na smuainich gur ceist neo-iomchuidh no neo-fheumail i. Ma tha sibh ’n ur fìor dheisciobuil do Chroisd cha’n ann aig a leithid so a dh’àm a mhàin a tha sibh a’ cur na ceiste so ribh féin, ach gu tric. Ciod i ’ur barail mu dhreuchdan Chriosd? Ciod i do bharail dheth mar fhàidh! Am bheil thu tighinn brùideil aineolach ’na làthair air-son a sheòlaidh agus a theagaisg? Ciod i do bharail dheth mar shagart? Am bheil thu tighinn ’na làthair mar chiontach an uidheam a thoillteanais agus ’eadar-ghudhe? Ciod i do bharail dheth mar rìgh? Am bheil thu ag ràdh mar thuirt ban-rìgh Sheba mu thimchioll Sholaimh: “Is ann a chionn gu’n do ghràdhaich Dia a phobull a shuidhich e rìgh glic thairis orra.” Ciod i do bharail dheth mar Cheannard na slàinte, mar Cheanm-iùil, agus mar Chompanach? Am bheil thu tighinn d’ a dh’ionnsuidh le cridhe fìor ann an làn dearbhachd a’ chreidimh? Cha’n ann le cridhe a dh’ easbhuidh peacaidh, ach le cridhe mothachail air peacadh, agus cosmhuil ri long fo sheòl a’ tighinn dìreach a steach do’n chaladh. Tha Daibhidh ag ràdh: “Is fear ùrnuigh mise.” Bha Daibhidh agus ùrnuigh cho dlùth r’ a chéile agus a tha duine agus ’anail. Cha’n b’urrainn Daibhidh a bhi beò a dh’ easbhudh ùrnuigh ni’s mò na b’urrainn duine a bhi beò as eugmhais analach. NA BRAITHREAN IS NA PEATHRAICHEAN. [Tha sinn a’ toirt an iomraidh a leanas air O.N.D.T. a bhrìgh nach ’eil fhios aig mòran Ghàidheal mu dhéibhinn. Cha ’n ’eil sinne ’g ar meăs féin cùnntasach air uile bheachdan ar càirdean a sgrìobhas duinn mu chuspairean ged a tha sinn ’g a mheas ceart éisdeachd a thoirt do chùisean deagh-rùnach ’s am bith. Tha so iomchuidh a thoirt eòlais air dà thaobh nithe do ’r luchd-dùthcha.—Deasaiche.] RIAMH o thuit an duine air falbh o Dhia b’e a nàdur a bhi ’g iarraidh sonais ann am mi-chleachdadh cuirp is anma. Am measg nan tobar riarachaidh as an d’fheuch e ri òl cha d’fhuair e blas riamh air cuspair a bu sgriosaile d’a bhuill cuirp ìs anma na’n deoch-làidir. Dh’ fhairich e ’na gnè an teas-cuthaich sin air am bheil nàdur an duine déidheil mar [TD 109] thoradh air an olc. Dh’ fhairich e sonas cealgach fo chumhachd na misg; do bhrìgh a dhleasannais do Dhia agus do dhuine. Ach cha robh an sud ach sonas cuthaich a thàinig an àite reusoin car tacuin; cha mhair an sonas ud; loisgidh a theine fadheòidh le déine nach gabh mùchadh. Seall air raon an t-saoghail fharsuinn agus faic an sruth mòr uile air am bheil misg ’na h-aobhar. Seall air an staid chaillte anns am bheil na mìltean air gach taobh dhiot! Luchd-eòlais—càirdean—coimhearsnach—ìslean is uaislean—air an giùlan air falbh ann an coileach sruth misg agus gun ni ann air an dean an làmh greim! An càirdean, braithrean. is peathraichean air gach taobh dhiubh agus cha shìn iad làmh dhoibh—cha shìn iad làmh le meadhon teàrnaidh dhoibh! O! nach cruaidh an cridhe agus nach neo-mhaoth an fhaireachduin! Ah! tha iad a’ tionndadh an cùil agus ag imeachd air falbh. Cha ’n fhiach leo sealltuinn orrasan a’s e cnàimh d’an cnáimh agus feòl d’an feòl. Tha na cuspairean bròin ud a nis air an slaodadh air falbh leis an t-sruth; agus cha lìoumhor sùil truais ’nan déigh a chuidicheas. Tha cuan sìoruidheachd is truaighe rompa a dh’ ionnsuidh am bheil an sruth ’g an giùlan tonn air thonn. Chì thu fear an sud agus fear an so a’ deanadh greim air géig no air cuspairean eile a tha a’ sìneadh a mach o ’n bhruaich; ach tha na cuspairean faoin nd a’ briseadh agus tha an tuil ’g an giùlan air falbh. Tonn air thonn ràinig an sruth fa-dheòidh an cuan a’ tilgeadh gu h-uaibhreach cuspairean a’ bhròin ud ann an goile na doimhne as nach fhaicear iad ’san t-saoghal ni ’s mò! Ann an sud tha iad air an coimhead fo sgàile sìorruidheachd gus an là mu dheireadh. O cheann àireamh bhliadhnachan bha oidhearpan ionmholta air an deanadh a thoirt cuideachaidh féin-leasachaidh do luchd-mi-stuamachd. Bha comuinn Mheasarra de gaeh seòrsa air an cur air an cois a rinn gun teagamh iomadh euchd feumail. Ach cha robh am modh oibreachaidh a chleachd ud coimhlionta. B’e an dòigh-san làmh a shìneadh do ’n fheadhainn a bha air an giùlan air falbh air sruth misg agus an toirt gus a’ bhruaich—an toirt gu talamh tioram; ach bha iad ’g am fàgail an sud. Mu’n rachadh an fheadhainn a shaoradh fad air an aghaidh bha iad a tuiteam ’s an t-sruth a rìs. Chunnaic daoine tuigseach, geur-sheallach an sin gur h-e a bha dhìth teampnll dìon anns am bitheadh a’ mhuinntir a bheirte gu tìr air an coimhead agus air an gleidheadh o thuiteam. Mar so dh’ éirich Ordugh Neo-Eiseimealach nan Deadh Theampullach. D’a bhuill goirear bràithrean is peathraichean. Is e brìgh Leabhar Aidmheil an Creideimh, “IS SINNE SEIRBHEISICH DHIA NEIMH.” IAR-EILEANACH. AITHREACHAS. IV. ’Se e geur mhothachadh air peacadh a’ cheud cheum de nàdur fìor aithreachais. Tha foillseachadh de cheartas Dhé ann an dàimh ri peacadh agus ris a’ pheacach a’ dùsgadh na coguis a bha gus a so ’na codal, agus gu tric ag oibreachadh dùil eagalaich ri breitheanas agus feirg theinntich. [TD 110] ’S i buaidh nàdurra agus reusanta beachd soilleir de ionnracas cliù Dhé mar am breitheamh a ta a’ toirt do gach neach a réir a thoillteanais. Tha ’n Sgriobtur a’deanamh fianuis mu chaochladh de na naoimh anns an d’ thug a leithid so de bheachd air Dia a mach a’ bhuaidh no an toradh so. “Tha mise air mo chràdh agus dlùth do’n bhàs o m’ òige; dh’fhuiling mi t’uamhasan, tha mi an imcheist. Dh’ imich t’ fhearg gheur tharum; Chlaoidh t’uamhasan mi” (Salm lxxxvi. 15, 16). “Cha’n’eil fallaineachd a’ m’ fheòil air son t’ fheirge; Cha’n’eil sìth a’ m’ chnàmhaibh air son mo pheacaidh: Oir chaidh m’ eucarta thar mo cheann; mar eire thruim tha iad ro-throm air mo shon” (Salm xxxviii. 3, 4). Tha e fìor nach ’eil ni ’s am bith spéiseil no slàinteil anns na h-uamhasan inntinn so, thaobh ’s gu beil e soilleir o ’n Sgriobtur, gu’m bheil iad air am mothachadh leis an fhìrean agus leis an aingidh araon. Ma fhuair iad àite agus cleachdadh ann an aithreachas Dhaibhidh, fhuair iad sin ann an aithreachas Iudais mar an ceudna. Tha na peacaich an Sion gu tric fo eagal, agus uamhann gu tric a’ glacadh nan cealgairean. Tha e tric a’ tachairt ann am féin-fhiosrachadh pobuill Dhé co-dhiù, gu’m bheil iad mothachail air an cionta agus air an cunnart mu’m beil beachd cothromach ’s am bith aca air innleachd na slàinte ’s gur e da rìreadh eagal roimh fhearg Dhé ni cho mòr ’s a bhean ri ’m faireachdainn an coimhcheangal r’ an iompachadh. Tha an sealladh no am beachd a ta aca air naomhachd Dhé ag oibreachadh fiamh agus eagail annta. A ta e cheart cho cinnteach gu’m beil foillseachadh de naomhachd Dhé ag oibreachadh annta mothachaidh air an neo-airidheachd féin. ’S i so earrann no pàirt shònraichte eile de gheur mhothachadh air peacadh agus mar an ceudna de fhìor aithreachas. Gu deimhin ’s e so a’ chuid a’ s mò agus a’ s cudthromaiche de gheur mhothachadh air peacadh. Cha’n’eil e idir ni’ s leòir gu’m biodh fhios againn, agus gu’n creideamaid a ni sin a ta an Sgriobtur a’ teagasg mu thimchioll peacaidh, feumaidh sinn fhaireachduinn gu’m beil e uile fìor d’ ar taobh féin. Is éigin gu’n toir ar coguis aonta do ràdh an Sgriobtuir gu’m beil an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e do-leigheas. ’Se sin ri ràdh ann ar feóil nach ’eil ni maith ’s am bith a’ gabhail còmhnuidh. Agus is e an dearbh fhéin-fhiosrachadh so an tobar o’m beil ag éiridh an nàire sin air am beil am Bìoball a’ deanamh iomraidh mar ni a ta ’dol a steach gu domhainn ann am fìor aithreachas sluaigh Dhé. “O mo Dhia,” deir Esra fo bheò-mhothachadh air peacadh, “tha nàir orm agus rudhadh gruaidh m’ aghaidh thogail riutsa mo Dia; oir tha ar n-eucearta air fàs lìonmhor os ar ceann agus tha ar cionta air éirigh suas gu néamh” (Esra 9. 6.) Agus thubhairt Daniel, “O Thighearna buinidh fìreantachd dhuitse, ach dhuinne nàire gnùise mar air an là diugh” (Dan. 9. 7). “Le éisdeachd na cluaise,” deir Iob, “chuala mi thu; ach a nis chunnaic mo shùil thu; uime sin gabhaidh mi gràin diom féin, agus ni mi aithreachas ann an duslach agus an luaith” (Iob xlii. 5-6). Agus ann an àite eile a ta e ag ràdh, “Feuch tha mi gràineil; Ciod a fhreagras mi dhuit? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.” Tha’n fhaireachduinn cheudna air a cur an céill leis an t-Salmadair an uair a ta e ag ràdh, “Oir dh’ iadh uilc gun àireamh mu’n cuairt orm; ghlac m’ eucearta mi, agus cha’n’eil e ’n comas dhomh sealltuinn suas: ni’s lìonmhoire tha iad [TD 111] na falt mo chinn, agus thréig mo chridhe mi” (Salm. xl. 12). ’S i an fhaireachduinn cheudna a lìon broilleach a’ chìs-mhaoir an uair a thuirt e, “A Dhia dean tròcair ormsa ta am pheacach” (Luc. xviii. 13). EACHUNN CAMARON. AN EAGLAIS. Le U. Mac Gillebhrà, D.D. “Is minic a chràidh iad mi o m’ òige; gidheadh cha d’ thug iad buaidh orm.—Salm cxxix. 2.” Do nàimh cha toir buaidh, ged ni uaill agus ràidh, Oir t-Fhear-saoraidh tha ’d’ mheadhon làn truais agus bàigh; ’S na h-uibrich le’m fuath ged a bhuineas riut cruaidh, O’n gamhlas tha teàruint’, ach iad-san gheibh truaigh’! Cuimhnich thusa do mhòr-ghleachd, is mòrachd do Thréith; Cò’n nàmh a bhuin borb riut ’s a shoirbhich ’n a’ dhéigh? Seas daingeann, neo-ghealtach, oir cunnart ma th’ann, Tha ’n cunnart ud dhoibh-san a chog riut gu teann. De bhuain Pharaoh uaibreach a chlaoidh thu gu cruaidh? An diomhneachd na fairge ’n sud fhuaradh leis uaigh? Na tuinn a thòrr suas dheanamh ceum duit troimh’n chuan, Shluig suas mac na feirge ’n an onfhadh gu buan! Sgiùrrs Cànan le foill thu, ach ciod rinn e bhuain? Fuil dhearg a chuid maca dh’ fhag torach a chluain; Is a’ chuid a thàr as diubh o aobhar nan lann, Mar Chain thuit mallachdan Dhé air an ceann! Sgiùrrs an t-Asiriach thusa gu geur, Ach thuit a chuid rìghrean gu h-itheadh do’n fheur! Iompaireachd rìoghail ’s a thìr thugadh uaith, A chrùn is a ríogh’chd ghlac am Persach mar bhuaidh. An t-Iudhach rinn tàir ort; le àrdan air ghoil A’ chlann rinn thu àrach a’ t’ aghaidh ghabh boil; ’S an dìoghaltas a lean e an lorg a dhroch rùin Tha fathast gun chiomeas an eachdraidh uin’. An Ròimh is a’ Ghréig rinn ort eucoir is tòir, Cho-aontaich gu d’ sgrios ’nuair a bha thu gun treòir; Ach gaisgeil mar bha iad ’s gun choimeas dhoibh ann, Chaochail am mòrchuis ’s an glòir o’n cheart àm. Do d’ chrò shnàig an uil’-bheist a dhòirt ort a tàir; Ban-strìopach na Ròimh a ghabh t’ainm glan gun nàir; Mar fhaol-chu ’n deis’ caorach ghlac thuice do chòir; ’S le innleachdaibh uamhais is moirt bh’ air do thòir. Ach spìonadh a’ chreach as a glaic le mòr bhuaidh; Is rùsgadh dhi ’falluinn an sealladh an t-sluaigh; Is mì-run a cridhe, ged brùchd i ’n a deann, Na bi fiamhal roimh ’n nathair, oir bhruthadh a ceann! [TD 112] Mo chreach anns an tìr ’s a’ bheil eòlas do Dhé, Is solus na fìrinn fad lìnntean gu réidh; Eadhon ’s an tìr sin, thog fòirneart a làmh ’S le teine agus milleadh chaidh t’ iomain gun tàmh. Gu monadh is fuar-bheinn do ruag iad do chlann, ’S do gheatachan uasal bhris uaibhrich ’n am prann, Mac-talla a’ phrìosain ’s tric fhreagair do d’ chaoidh, ’S a’ chroich ’s tric bha dearg le fuil phrìseil do shaoidh. T’ àmhghar chaidh dhìoladh; oir gineil ro-fhaoin Nam prionnsa rinn strìth riut le mì-run neo-chaoin, Chaidh fhuadach a fearunn ’s a dachaidh an gaoil, ’S an sliochd chaidh a sguabadh bhar aghaidh an t-saoghail! De tha ’cur fiamh ort? Is t’ìomhaigh cho truagh, Tha do neart is do dhìon ann an Gaisgeach nam Buadh; Co ’n nàmhaid a’ t’ aghaidh-sa riamh a rinn strìth, Nach do sgriosadh le dìoghaltas ’s le corruich do Rìgh. Ni seacharanaich uaill, ’s gabhaidh uachdarain fàth Air do thilgeadh a sìos; ach na bith-sa fo sgàth; An àmhghar ’s an geimhlibh ged chuireadh iad thu, Gu sìorruidh a’ t’ aghaidh cha soirbhich le ’n tnù. Na tonnan ged bhùireadh ’s ged bhrùchdadh mu d’ cheann Do charraig cha mhùth, bheir dùlan d’an deann; ’Nuair chailleas an clì, ’s ’nuair a shìolas am bàir, Do bhunait, sìor-dhaingeann, ni orra féth ghàir’! A Nighean Aidh Shion, bi dìleas do d’ Thriath! Seall ri a ghràs, ’s gluais fo sgàile a sgiath; Tha ’m breitheamh ’s ’n cùirteir an rùn do chur fàs Ach do bhàbbuinn ro-mhùirneach cha spùin iad le’n sàs. Néamh agus talamh théid thàiris gu sìor, An cruinne ’s a dhaoine ni caochladh gu fìor; Ach gach còir agus sochair a choisinn an Ceann, Coimhlìonaidh E dhuitse le urram nach gann. NA MORMONAICH AGUS AN CREUD. An uair a chaidh an leabhar Mormonach a chlò-bhualadh, chaidh aig a’ cheart àm gèarr iomradh a’ sgìrobhadh ris an do chuir trùir dhaoine, Olieur Couderi, Daibhidh Uhitimer, agus Màirtin Harris an ainmean a’ toirt fianuis agus a’ cur an céill gu sòluimte gu’n do threòraich aingeal o nèamh iad gu h-àite anns an do sheall e doibh na duilleagan òir, agus gu’n d’thug e àithne doibh ag ràdh, bithibh-sa ’n ’ur co-fhianuisibh dìleas do Ioseph Mac-a-Ghobhainn. Aig an àm cheudna, chaidh paipeir a tharruing a mach ris an do chuir ochdnar fhianuisean an làmh ag ràdh, gu’m faca iad féin duilleagan òr-bhuidhe air an robh gràbhalaidh no sgrìobhuidhean mìorbhuileach. Air teisteas nan tràillean baoth agus [TD 113] aineolach sa bhonntaich Ioseph truagh a chuid ìnnleachdean meallaidh! Mar so thòisich, fhreumhaich, agus chraobh-sgaoil a’ chreud Mhormonach; creud fhealltach shaoghalta agus mhi-naomh. Creud thruaillidh a ta a’ co-chòrdadh ri cridhe cealgach agus ri slighe ain-diadhaidh chreutairean aig nach ’eil aon chuid mothachadh no lorg air mealltaireachd a’ pheacaidh ’n an anmaibh féin, no aithne spioradail air naomhachd agus air ceartas an Dia sin d’am feum iad cùnntas a thoirt. Ma dh’ fheòraicheas tu deth Mhormonach, c’ àite am bheil na duilleagan òir o’n do sgrìobhadh am bìobull aige, their e riut, gu bheil iad neo-fhaicsinneach! Nach fhaca, agus nach faic neach ’s am bith iad, ach Mac-a-Ghobhainn agus a chuideachd!! Steidhichte air an fhianuis mhi-reusanta agus fhoilleil so, tha e air innseadh duinn gur h-e th’ anns an leabhar Mhormonach taisbeànadh àraidh agus fiachail o Dhia néimh!!! Tha e soilleir gu’n d’ fhuair Ioseph eòlas ann an cuid air sgrìobhaidhibh an fhàidhe bhréige Mahomet; oir a ta co-chòrdadh faicsinneach ann an gné agus ann am beachd eadar an dà chreud ghrod so. Feudaidh e ’bhi ’n a cheist ort, cionnas a bhreithnich agus a chnuasaich Mac-a-Ghobhainu, duine ueo-fhòoghluimte agus aineolach, sgeul cho pongail, taitneach ’s a gheihh sinn anns an Leabhar òir? Ma ta, a charaid, ’s i ceist ghlic agus chothromach a ta thu a’ fiosrachadh diom. A nis ann an rathad eachdraidh, oidhirpichidh mi air do cheist a fhreagairt gu fìrinneach ceart air an dòigh a leanas: Thachair gu robh anns a bhliadhna ochd ceud deug agus a naoi, (1809) a’ tàmhachd ’s an Talamh Fhuar, (America) duine uasal fòghluimte d’ am b’ainm Solamh Spaulding. Bha ’n duine so an tùs a latha ’n a mhinisteir; ach air da fàs trom aosda leig e deth dreuchd na ministreilachd. Thòisich an duine còir so ann an rathad spòrs agus gu obair chleachdail inntinn a thoirt da féin, air sgeul modhannail, teagasgail a’ sgrìobhadh. B’e brìgh agus suim an sgeòil neo-choirich so, maille ri mòran do nithibh taitneach eile, gu’m b’ iad na h-Innseanich Thuathach Americanach sliochd threubhan sgaipte chlann Israeil. Aig àmaibh sònruichte an uair a bha e a’ faotainn sgrìobhta an sgeòil so, ghabhadh e fáth air earrannaibh deth a leughadh do na coimhearsnaich; ann an rathad culaidh-ábhachdais. Bha na coimhearsnaich chàirdeil, theò-chridheach anabarrach riaraichte le bhi ag éisdeachd an naigheachd shnasmhoir a bha an nàbuidh ionnsuichte gleusta ag cur an òrdugh. Bha iad gu h-àraid ro-thoilichte leis a phàirt sid deth ’n sgeul anns an d’ fheuch Mr Spaulding ri innseadh cia mar a fhuair e seann sgrìobhaidhean a bha ’n an suidheachadh agus ’n an eachdraidh cosmhuil ri leabhraichibh an t-Seann Tiomnaidh. ’Nuair a chrìochnaich Mr Spaulding sgrìobhadh an sgeòil, chuir e dh’ innsuidh leabhar-reiceadair e an rùn fhaighinn clò-bhuailte, cha’n aithne domh gu’n deach a chur riamh ann an clò. Ach tha e cinnteach gu’n d’ fhuair Sidni Rigdon aon do chléirich Joseiph greum air sgrìobhaidhibh Spaulding anns a’ bhùth leabhraichean so, agus gu’n do thionail ’s gu’n do thiolp e asda mòran de nithibh a ta ’n diugh mar fhirinnean creideasach agus bunaiteach anns na sgrìobtuiribh Mormonach! Bha Mr Spaulding caomh a nis marbh. Ach air do’n bhantraich aige, agus d’ a [TD 114] bhràthair a bhi fathast beò. thog iad fianuis an aghaidh an fheuma mhi-laghail agus ana-cneasda a bha na Mormonaich a’ deanamh de sgrìobhaidhibh an caraid. ’Nuair a chunnaic coimhearsnaich agus eòlaich Mhr Spaulding am bìobull Mormonach b’ e ’n comhdhunadh aon-sgeulach gus an d’ thàinig iad gu robh mòran deth air a dheanamh suas as an sgeul a bha iad cleachda r’a chluinntinn o ’n nàbuidh nach mairionn. Bha deadh fhìos aig càirdibh agus luchd-eòlais Mhr Spaulding nach b’ann mar ni diongmhalta agus fìor a chum na crìch thoibheumaich ud a sgrìobh e an sgeul: agus air an aobhar sin bha iad air an lionadh le feirg agus le fuath an aghaidh Mhic-a-Ghobhainn agus a chuid chléireach mhi-choguiseach air son an fheuma mhi-naomh agus easonaraich e rinn iad do naigheachd an caraid. Le mionnaibh agus le cainnt shalaich bhuirb dh’ àicheadh Rigdon gu faca e riamh sgrìobhaidhean Mhr Spaulding! Tha mòran de nithibh anns an Leabhar òir a ta ’n an dearbhadh soilleir air nach robh sgoil, eòlas, no mòran toinnisg aig na h-ùghdair ladarna a chuir e ann an clàraibh a chéile. Tha aìr a rádh anns an Leabhar so, gur h-i cumbaisd a’ mharaiche an t-inneal-seòlaidh tre’n do stiùir clann Israeil o sheann a dh’ ionnsuidh America. A nis tha fios againn nach robh a’ chumbaisd air a’ gabhail mar inneal-seòladaireachd ri lìnntibh as déigh an ama a ta iad ag ainmeachadh. Tha ’n Leabhar òir làn do mhearachdan mar so o a thoiseach gu a dheireadh! Tha mòran deth mhearachdaibh ann sgrìosail do’n anam agus easonarach do’n chorp. Aig an àm so thòisich Rigdon, a nis ’n a fhear do na cinn-iùil Mhormonach air teagasg gu robh e laghal agus a réir an creud, gu feudadh gach fear leis am b’àill tuillidh a’s aon bhean phòsda ’bhi aige! Chuir Mac-a-Ghobhainn, am Fàidhe a sheula ris an teagasg so, teagasg a ta a’ co-luidhe ri beachdaibh adhaltranach Mhahomet. Is cianal a ni e ann an tìr chrìosduidh agus fo shileadh an t-soisgeil anns an an lìnn ’s am bheil sin beò gu bheil dosine a’ gabhail an ainm crìos-duidh orra féin, a ta cho mi-chiallach, an-dana collaidh, agus beò ann am peacàidhibh sgainealach agus foilleasach. ’S e ’n teagasg neo-sgriobtuireil so smior, inneal tarruinn agus meadhon-ribidh na creud Mormonaich. ’S e ainm eile a thug na Mormonaich orra féin Naoimh nan Làithean Deireannach! B’ e Ioseph Mac-a-Ghobhainn an ceud Ceann-suidhe a bh’ aca. B’ e mar an ceudna, Fàidhe an Ierusalaim Nuaidh; Rìgh Bhaile nan Naomh; Sagart Eaglais Chrìosduidh Naomh nan Làithean Deireannach!! An uair a bhiodh tigh eile, tuillidh airgid, no bean eile a dhìth air Ioseph gheibheadh e foillseachadh neàmhuidh ag ràdh; “Tha e iomchaidh agus ceart gu’n d’thugadh sibh do ’m sheirbhiseach Ioseph gach ni a ta dh’ uirbheasuidh air.” Bha Emma Nic-a-Ghobhainn a’ cheud bhean a phòs Ioseph an aghaidh dha bean eile a phòsadh a bharrachd uirre-se; ach dh’ aontaich i an uair a chaidh a thaisheanadh o ’n àirde do Ioseph; “Gu robh mo bhan-oglach, Emma, ri gabhail ris gach ni a thug mise do’m’sheirbhiseach Ioseph.” Dh’ fhàs na Mormonaich ann am ùine ghèarr cho làidir lionmhor gus an d’ fheuch iad fadheòidh ri Ioseph fhastainn ’n a Cheann-suidhe air na [TD 115] Stàitibh Aonaichte. Ach aig an àm so chaidh na Naoimh is an coimhearsnaich a mach air a chéile. Thàinig an aimhréit agus an troimh-chéile gu àirde cho mòr gus an d’ thàinig iad o throd gu buillean. Cha do stad an streupaid so riamh gus an do mharbhadh an Seanalair Ioseph Mac-a-Ghobhainn. An déigh bàis Ioseiph dh’ fheuch Sidni Rigdon ri dreuchd Ard Fhear-iùil nan Naomh fhaotainn, ach bha a chliù mhodhannail cho maslach ’s gu’n do ioma-sgar iad a ’n cuideachd e. Ach ròghnaich agus dh’ àrdaich iàd Brigham Ioung gus an inbhe so. Tha ’n duine so fathast ’s na dreuchd. I. S. MAC-NEILL. EARAIL. A Dheasaiche Ionmhuinn,—Tha mi an dùil gu’n toir sibh taobh-duillei-de’n Bhrataich do litir fhiachail an Ollaimh Chalmers a dh’ eadarg theangaich mi o’n Bheurla air son bhur luchd-leughaidh. Tha e iomchuidh gu’n gleidheadh na Gàidheil cuimhne air Chalmers, oilear, ministir, crìosduidh, agus Albannach cho gràdhach, mòr-bhuadhannail, fileanta ’s a rugadh riamh fathast an Albainn. Earail do Bhana-chomannaiche òig. Litir a sgrìobh an t-Urr. Tomas Chalmers, D.D., LL.D., a dh’ ionnsuidh, a nighin an uair a bha i a’ rùnachadh comunnachaidh air son na ceud uaire. “1. Cha chòir duit sealltuinn air t’ aingidheachd ’s an àm a chaidh seachad mar challaid eadar thu agus teachd a chum bòrd an Tighearna; agus cha’n urrainn duit tuilleadh a’ s luath, no tuilleadh a’ s earbsach a dhol thairis air a’ challaid so tre smuaintean creidmheach air an fhuil ud a chaidh a dhòrtadh air son peacanna an t-saoghail,—air an ìobairt-réitich ris am bheil aon agus na h-uile air an cuireadh gu sealltuinn a chum an deanamh taitneach do Dhia. “2. Cha mhò a’ s còir duit amharc air do neo-chomas féin air son seirbheis thaitneich mar ghrabadh ’sam bith agus; cha’n urrainn duit tuilleadh a’ s luath, no tuilleadh a’ s earbsach ceum a thoirt thar a’ cheap-tuislidh so tre smuaintean creidmheach air uil’-fhoghainteas agus air neart an Spioraid sin a ta air a thoirt gu saor doibhsan a dh’ iarras E, agus gu h-àraid doihsan a ta a’ teicheadh a chum dìdein a dh’ ionnsuidh Chriosd Maighstir na cuirme sòluimtt deth am bheil thusa gu comh-pàrtachadh. Tha a’ mhuinntir a ta ’nan leithidibh so do shuidheachaibh gu cobhair agus comas aslachadh a chum toil Dhé a dheanamh ann an ainm uile-bhuadhach Chriosd. “3. Ma tha creideamh agad ’s an dà fhìrinn mhòir a dh’ ainmich mi, misnichidh so thu gu dhol air t’ aghaidh a chum bòrd na Sàcramaid; agus fathast, an àite a’ cheist a chur riut féin. Am bheil creideamh agam ’s na fìrinnibh so? ’S ann le breithneachadh gu cleachdail air na fìrinnibh féin, is cha’n ann le cnuasachd air ciod e cor t’ inntinn d’an taobh a thig thu gu breithneachadh ceart, àgus rùn làn shuidhichte air a’ phuinc so. [TD 116] “4. Ach tha aon ni cudthromach a bhuineas do fhéin-cheasnachadh air an crochainn ceist a’ chomunnachaidh gu h-iomlan. Cha ghluaisinn gu bràth teagamh mu éifeachnd fuil Chriosd, no mu’n t-saor chuireadh a ta agad gu compàrtachadh deth a sochairibh; agus cha mhò a ghluaisinn teagamh mu thoileachas an Spioraid gus neart a dheanamh foirfe ann ad laigse. Ach feudaidh àite a bhi aig teagamh ann an staid do thoil agus do rùintibh féin, agus so bu mhaith leam gu’n rannsaicheadh tu a mach gu soilleir agus gu’n ceartaicheadh tu. Am bheil thu toileach a bhi na h-uile, agus na h-uile nithean a dheanamh a bu mhiann le Dia thu a dheanamh? An e do rùn an simplidheachd cridhe, a bhi Leis-an a mhàin, agus Leis-san gu h-iomlan? Am bheil thu gu tréibhdhireach a’ miannachadh thu féin a thoirt gu léir Da-san, no am briathraibh eile, thu féin a choisrigeadh gu h-iomlan do Dhia? “Tha mi a’ meas gur h-iad so na ceistean a ta iomchuidh an cur ri d’ choguis aig a leithid so de àm. An uair a bhitheas tu air do chleachdamh mar so, tha thu a’ cùuntas cosguis na h-aidmheil Chrìosduidh mu’n toisich thu uirre; agus is mòr, tha mise a’ gealltuinn, a bhitheas do shìth agus do ghàirdeachas, is cinnteach a bitheas t’ fhàs ann an naomhachd, ma tha thu le làn rùn agus le tréibhdhireas diongmhalta a’ rùnachadh a bhi a so suas cha’n ann tha mhòr a’ d’ bhan.chrìosduidh, ach a’ d’ Bhan-Chriosduidh gu h-iomlan.” Is mise, Uasail Shuairce, Bhur Seirbhiseach ùmhal Slàn Leibh. An Fhàrdach Fhroinich. Ile, Iulai, 12, 1873. BREITHEANAS. A Dàn-cath spioradail le Mr D. MacPhàil nach deach an clò riamh fhuair sinn cead na roinn a leanas a thoirt.—Deas.] Rìgh nan Rìgh a’ teachd gu breth a mach as ’àite, Taomadh air cathair an fhiadh-bheath’ch a gheur phlàighean; Cuach na ball-chrith cheana taosgadh orra o’n àirde; ’S deasgainnean dioghaltach ’fheirge air am fàsgadh. An talamh a’ leigeadh ris na fola bh’ air a dòrtadh, O cheann linntean; is a mhairbh cha dean a chòmhdach. Fuil nan naomh a chaidh gu bàs air sgàth na fìrinn, A’ taomadh air Cumhachd na Fraing ’na tuiltean dioghaltais;— Rabhadh soilleir, labhar, trathail aig an uair so Do Eaglaisean, do chomh-fhlaitheachan, ’s do uachdrain, D’an ealainn-riaghlaidh a bhi diùltadh ’s a’ cur suarach Umhlachd do chòir-dhlighe rìoghail Rìgh nan Sluagh A phronnas gu mion naimhdean ’aobhair ’nan mìn luaithre: An coimhlionadh crìochan a ghlòire bidh a’ bhuaidh leis; Oir tha an Uachdaranachd Shìorruidh air a ghuallainn. D. MACPHAIL. [TD 117] SINE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL IV. Cha’n abair mi nach ’eil mi-fhortainn a’ teachd air uairibh an caramh an ionracain; ach tha Dia ’n a chùltaice do’n bhochd air am eagal, ’n a fhasgadh o ’n doininn, ’n a dhubhar o ’n teas. Ach an uair a ta ’g ràdh so a thoirt misnich dhoibh-san a ta ’g oidheirpeachadh seirbhis a dheanamh do Dhia, cha’n fhaodh mi a chleth ora-san a leughas so ciod a’ chrìoch gus an d’ thàinig na h-uile luchd droch-bheirt a b’ aithne dhomh o ’n thàinig mi do’n bhaile so gu sònruichte droch bhoirionnaich. Cha b’ aithne dhomh riamh aon nighean òg a bha guanach uaibhreach dalma, do nach b’ i chrìoch ’s an t-saoghal so féin bochduinn masladh no eucail. Faodaidh coslas soirbheachaidh a bhi car treis aig droch nighin. Faodaidh si i féin a sgeudachadh ann an airgiod, agus ann an òr. Faodaidh i a h-aghaidh a dhath agus ceann a chocadh maille ri droch bhan-righ Iesebel, gidheadh thig i gu crìch thruaigh agus mhasluich. Tha mi ’guidhe oirbh mo nigheana na meallaibh sibh féin, agus na smnaintichibh a chionn gu bheil bhur bana-chompanaich lìonmhor gu’n dean Dia an caomhadh air-son an àireimh. Faicibh baile Shodoim a chaidh a losgadh le teine o nèamh a chionn nach robh deichnear do dhaoine matha r’ am faotainn ann. Mar sin mur biodh deich òigheàn matha anns a’ bhaile am bheil sibh a chòmhnuidh cha deanamh lìonmhoireachd an luchd droch-bheirt an sabhladh. Bidh an cuibhrionn aig uile luchd deanmh an uilc anns an locha tha ’losgadh le teine agus pronnasc. Eisdibh ma ta mo nigheana ri comhairle seann duine d’ an robh focal Dhé ’n a fhear-comuinn o ’òige gu ’sheann aois, agus deanaibh strìth gu deadh eiseimpleir Shìne Chaimbeul a leantuinn chum ’s gu’n téid sibh maille rithe steach do aoibhneas an Tighearna. Bheir mi nis an sgeul dhuibh mar a fhuair mi e uaipe féin. CÙNNTAS SHÍNE CHAIMBEUL UIMPE FÉIN. Air toiseach mo bheatha am feadh a bha mo phàrantan ionmhuinn beò tha làn fhios agaibhse. Tòisichidh mi air an aobhar sin air mo sgeul o ’n àm aig an tug piuthar mo sheanar leatha mi d’ a tigh féin. Bha mi tuillidh is òg gu mòr shuim a ghabhail do ’n chaochladh bhrònach so, ’s ann brònach gun ag a bha e, oir eadhon ann an tigh nam bochd bha mi air mo chumail glan, agus bha caithebeatha ionmholta air a mholadh dhomh. Ach maille ri piuthar no sheanar thruagh bha mi ’tighim beò ann an salachar agus ann an luideagaibh. Cha robh bacadh air a chur orm o chomunn dhroch cloinne, o bhi ag ionnsachadh bhreug, no ’toirt ainme Dhé an dìomhanas, no eadhon o ghoid. Bha piuthar mo Sheanar aosda agus mhill i a slàinte le bhi o ’h-òige nìos ag òl dheòchan làidir agus buaireasach. Bha piuthar mo sheanar ciontach i féin, cha’n e mhàin do bhi ’toirt ainm Dhé an dìomhanas, do dhearmad a dheanamh gu buileach air gach dleasannas spioradail oir cha robh i anns an tigh-aoraidh ri bliadhnachaibh, [TD 118] ach bha i a’ tarruing gach seòrsa do dhroch cuideachd mu ’tiomchioll. Cha robh gràdh agam riamh do phiuthar mo sheanar. Oir ged a bheireadh i dhomh mo thoil féin anns gach ni, maille ris gach ni b’ fhèarr a bha aice r’ a itheadh agus r’ a òl, agus a dh’ fulaingeadh i dhomh dol as air—son mo lochdan uile; gidheadh i air uairaibh ’n a lasraichibh teine am aghaidh air-son nan aobharan a b’ fhaoine. Ghabhadh i orm air uairibh gun iochd air-son a pìob thombaca a leagail, no a bocsa snaoisin a charachadh; agus aig a’ cheart àm leigeadh i dhomh mionnachadh agus breugan ìnnseadh gun urrad agus coire fhaotainn domh. Anns an dòigh so chaith mi mo bheatha gus an robh mi mu dheich bhliadhna dh’ aois. Agus bha mi air mo meas mar is maith a thoill mi am measg nan caileagan a bu mhalluichte a bha anns a’ bhaile. Mu ’n àm so air maduinn mhoich shamhruidh chuir piuthar mo sheanar mi do ’n achadh a thional bhioran. Thug mi leam mar bhana-chompanach caileag mu m’ aois féin aig an robh a màthair a’ cumal bùtha. Cha robh a’ chaileag so d’ am b’ ainm Seònaid Nic Dhòmhnuill air a’ teagasg mòran ni b’ fhéarr na mi féin; ged ’s gann a bha caileag anns a’ bhaile a bha air a còmhdach ni bu rìomhaiche. ’Nuair a fhuair Seònaid is mise anns an achadh mu choinnimh a’ chaisteil, thòisich sinn air tional eòineinean. Mu dheireadh air dhuinn a bhi sgith shuidh sinn sìos air an fheur agus thòisich sinn air seanachas. ’S e ’n ethnar arsa Seonaid latha na Sàbaid agus théid mise do’n eaglais Cha téid mi féin do’n eaglais arsa mise. Cha’n’eil mi ’dol ann uair ’sam bith cha’n’eil ùine agam. Ach arsa Seònaid cha’n ann a chionn nach ’eil ùine agad nach ’eil thusa ’dol do’n eaglais. Is urrainn dhomh-sa ìnnseadh dhuit c’ar-son. Agus c’ar-son arsa mise gu h-ath-ghoirid. A chionn arsa Seònaid nach ’eil agad do dh’aodach ach na luideagan salach sin. Gu de shaoileadh tu theireadh na daoine na ’m faiceadh iad do leithid-sa do chreutair a’ dol do’n eaglais. Thòisich mi air a bhi ro fheargach, agus a’ leum am sheasamh thuirt mi rithe. Na bi ag iomradh rium air luideagaibh; cha leur dhomh cionnas a tha duine ’s am bith air a dheanamh ni’s fèarr leis a’ chòmhdach a ta e ’caitheamh. Tha mi cho math ris an t-aon a’s fèarr dhiubh; tha gun taing dhoibh, agus thòisich mi air gal le feirg. Chuir sin a nis a mach air a chéile, agus dhealuich Seònaid rium, agus mar sin chaidh mi ni b’fhaide air m’aghaidh anns an achadh a dh-fhaotinn mo bhioran. An uair a fhuair mi uiread ’s a b’urrainn domh ghiùlan, agus a cheangail mi iad cuideachd, thug mi m’ aghaidh air dol dhachaidh. CAIBIDEAL V. An uair a bha mi ’dol seachad air glaic uaine dlùth air Dunodhain chunnaic mi am measg an droighinn aon do na h-eòin a bu bhòiche chunnaic mi riamh. Leig mi dhiom gu luath m’eallach agus shnàig mi a dh’ ionnsuidh an tuim anns an robh e, ach cha bu luaithe shìn mi mo làmh a bhreth air na leum e troimh ’n droighionn do’n achadh air an [TD 119] taobh eile. Lean mi an sin e, agus bha mi ’g am dheanamh féin cinnteach as, ach chaidh e as a rìthist a chum na glaice. A dh’fheuchainn duibhse cho aingidh ’s a bha staid m’ inntinn an uair a chunnaic mi gu’n deach an t-eun as uam a rìthist dh’fhàs mi làn corruich, agus thog mi clachan ’g an tilgeadh air; ach thuit a’ chlach le cùram Dhé gun chron a dheanamh. Is aithne do Dhia eadhon an uair a thuiteas gealbhonn chum an làir, oir tha gràdh aige d’ a chreutairibh uile, agus bheir e dìoladh a mach as leth an aoin a ’s suaraiche dhiubh a tha gun aobar air a phianadh. Mu dheireadh le mòran dragh fhuair mi greum air a’ chreutair bhòidheach. Bha mi cho aoibhneach le m’ stòras ’s gu’n do dheifrich mi do’n bhaile air daomh m’ eallach bhioran a dhìchuimhneachadh, le h-uaill a’ cumail suas an eòin a bha ’n a shuidhe gu sàmhach air mo làimh. Dìreach air dhomh aon do na sràidean mora a’ ruigheachd chuala mi aon éigin ag éigheach, ah, sin agad Parrot mo bhana-mhaighstir, agus air ball thàinig seana bhoirionnach glan, measal coslas far an robh mi, agus thuirt i rium le aoibh ’n a h-aghaidh, “Mo dheadh chaileag, c’àite an d’ fhur thu eun mo bhana-mhaightir.” Eun do bhana-mhaighstir, arsa mise! Is e th’ ann m’ eum-sa. Cha’n e, fhreagair a bhean, cha’n fhaod sin a bhith; oir dh’iteagaich e a uinneig mo bhana-mhaighstir ’s a’ mhaduinn an diugh, agus chaidh e thar balla a’ ghàraidh do’n achadh. Aig an àm so air do phiuthar m’athar tighinn a mach a bùth agus m’ fhaicinn an sàs ris a’ mhnaoi, ghlaoidh i, hò! Ciod e so? Ciod a tha thu ’deanamh ris a’ phàìsde? Bha pinthar m’ athar an toiseach ro-ghruamach ris an t-searbhanta, ach an uair a chual i gu robh mi ri leth-chrùn fhaotainn na’n aidichinn dealachadh ris an eun, thionndaidh i ’feirg uile ormsa, agus dh’ àithn i dhomh a thoirt do’n t-searbhanta agus a leantuinn do thigh a bana-mhaighstir a dh’ fhaotainn an airgid. Rinn mi mar a dh’ iarr i orm, ach bha mi gruamach neo-thoilichte ré an rathaid uile, agus a’ bruidhinn rium féin gu tigh na mnà-uailse. Làimh ri geatachaibh an rathaid a tha ’treòireachadh gus a’ chaisteil dh’ fhosgail i ’n dorus, agus dh’ iarr i ormsa feitheamh anns an t-seòmar mhòr. Chaidh i dìreach gus an t-seòmar shamhruidh, agus dh’fhag i an dorus fosgailte cho farsuinn ’s gu robh mi ’faicinn gach ni ’n taobh a stigh. Bha seana bhean uasal ’n a suidhe ri taobh na teine. Na’m biodh fios agam an sin a’ bhean uasal urramach a bh’ innte, leumainn le h-aoibhneas, so dhuidh le’ar cead, arsa an searbhanta, so agaibh Miss Polly (am Parrot) air tighinn air a h-ais a ris. Dh’ fheòraich i an sinn de mar a fhuaradh i, agus air do’n t-searbhanta ìnnseabh dhi, dh’ éirich i agus a’ toirt leatha bata beag, o thaobh a’ bhùird a bha air a beulaobh air an robh a Bìobull mòr ’na luidhe, thuirt i théid mi féin agus labhraidh mi ris a’ phàisde. An sin ag amharc orm le caoimhneas dh’ fheòraich i dhiom iomadh ceist mu thiomchioll mo phàrantan, agus cionnas a bha mi ’tighinn beò. Air dhomh a freagairt thug i dhomh an t-airgiod bh’ air a ghealltuinn domh, agus thuirt i rium tighinn air m’ ais a rìthist an ceann cheithir làithean. Ach thoir an aire, arsa ise, gu nigh thu féin gu glan, agus gu cìr thu do cheann; oir ciod ’s am bith cho bochd ’s a dh’ fheudas tu bhi, cha’n’eil éigin ’s am bith air-son thu bhi salach. (Ri leantuinn). [TD 120] FIOS COITCHEANN. Ann an Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba b’ e chùis chudthromach a bha aca air, an robh mòr shluagh na rìoghachd ag amharc, a’ Phatronachd. Tha beachd na h-Eaglais air neartachadh ’n a h-aghaidh. Bha an taobh a bha ’a h-aghaidh mòran mi bhu mhò am bliadhna air do bheachd an Ard-Sheanaidh a bhi air a thoirt air a’ phuinc. ’Se an t-Olla Gillan a bu Cheann-Suidhe. Ann an Ard-Sheanadh no h-Eaglais Shaoir b’ e ’n gnothuch duilich a bh’ aca, gnothuch an Aonaidh. Bha eagal an cridhe air a’ h-uile duine gu’m biodh Dealachadh eile ann gus an d’thàinig an latha. Thàining na laoich-chath fa-dheòidh gu còrdadh; an dà thaobh mar a bu chòir dhoibh taingeil air son na fhuair iad agus air son gu’n d’thàinig an cath gu crìch gun an Eaglais a sgàineadh. Bha a’ Phatronachd air a deasbud ’s a’ Phàrlamaid o cheann beagan làithean. Cha ’n ’eile a’ Phàrlamaid deònach air breith a thoirt air a’ phuinc fathast. Tha Rìgh Phersia aig am bheil an tiodal SHAH air tighinn do ’n rìoghachd againn an dràsd an déigh cuairt a chur air an Roinn-Eòrpa. ’Se a their esan ris féin Rìgh nan Rìgh—os ceann nan rìghrean eile air fad. Bha Iompairean Russia is Phrussia a’ riaghladh glé mhath ’na bheachd; agus ma b’ fhìor e féin thug e dhoibh cead rìoghachadh tacun eile! Ma chòrdas a’ bhan-righinn againn ris leigidh e leatha sealbh air a’ chrùn tacunn eile! Buinidh e de’n chreideamh Mhahometanach. Fhuair an t-Urr. R. Blàr, ministeir Eaglais Chalum-cille, an Glaschu gairm do Dhunodhainn. Dhiùlt e dhol ann. Thug muinntir Dhunodhainn a rìs gairm aon-sgeulach do Mhr. Camaron, an Ceann-Loch. An déigh suidhe an Ard-Sheanaidh thug mnathan-uaisle a’ choithionail aige taisbeanadh ùr air am meas agus air an gradh do ’n Urr. A. Urchadain, an Glaschu. Thug iad dha còta agus falluinn shearmonachaidh fhiachail; maille ri sùil amhairc air a cearclachadh gu luachmhor le h-òr. * Tha eachdraidh beatha an Olla ’ic Aoidh is A. Mhic Iomhair air an cunail a mach ’s gun àit againn ’san Aireimh so. GNOTHUICHEANN GÀILIG. ’Nuair a thug sinn iomradh roimhe air breith an ARD-ALBANNAICH (The Highlander) cha robh sinn air a bheag dhe fhaicinn; ach tha e nis cho lùghmhor air na casan ’s gu’m faod am fear-siubhail tairbhe a bhuill a thomhas. Tha a’ ghasaid mòr farsuinn, a’ tighinn a mach gach seachduinn. Tha oisein dhith air a thoirt do’n Ghàilig mar a tha ann an Gasaid an Obain. Tha buannachd agus còirichean nan Gàidheal agus an tìr air an ìnnseadh le peann neo-sgàthach; air mhodh eile a’ deanadh ann am Beurla air son nan Gàidheal an ni a tha sinn féin a’ feuchainn ris ann an Gàilig. Bu chòir dha a bhi aig gach Gàidheal a ni feum math do’n Bheurla. Tha Buidheann Gàilig—Class of Gaelic Language and Literature—a’ tòiseachadh an Glaschu, ’s an Athenæum; air a theagasg le Deasaiche na Brataich. Bidh àireamh òraideaa air an liubhairt air eachdraidh agus air gnè na Litireachd Gháilig. Thòisicheadh air iarrtus feadhainn de bhuill a’ Chomuinn Ghàilig is na Réiseamaid Ghàidhealaich, maille ri muinntir eile. * Bidh na Freagairtean a fhuair sinn, agus na Ceistean air an toirt ’s an ath Aireamh anns a’ Ghailig. [TD 121] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 8.] Ogust, 1873. [LEABH. I. AN NIGHNEAG GHAIDHEALACH. [Beurla] Ann am mìos Mhàigh o cheann iomadh bliadhna air ais bha Mr MacPháil, Ministeir Reis-sholuis air a thurus troimh shiorrachd Ionar-Nis gu coinneimh an Ard-Sheanaidh an Dun-Eideann. A thaobh nach robh e a’ deanamh thairis air deich thar fhichead no da fhìchead mìle ’s an là thàinig air an oidhche a chur seachad an àite no dhà air an rathad. Agus cha robh na tighean òsda aig an àm so gu dearbh ro chomh-fhurtail. Oidhche ann an aon diubh so ghairm am ministeir, ’n uair thàinig an t-àm iomchuidh, an teaghlach uile gus an aoradh. ’N uair a bha iad ’nan suidhe, ’s na Bìobuill deas, sheall Mr MacPhàil mu ’n cuairt, is dh’ fheòraich e an robh gach neach an làthair. Thuirt fear-an-tighe gu’n robh. “Na h-uile?” dh’ fhiosraich am ministeir a rìs. “Seadh,” fhreagair fear-an-tighe, “tha sinn an so uile; tha nìghneag bheag anns a’ Khitchen, ach cha ’n ’eil umhail againn ise iarraidh a stigh, oir tha i cho salach ’s nach urrainnear a faicinn.” “Thoir a stigh i, thoir a stigh i,” thuirt Mr MacPhàil; “feithidh sinn gus an tig i.” Bha an t-òsdair a’ gabhail a leth-sgeil. Ach dh’ fheumadh i tighinn. “Tha anam luachmhor aice,” thuirt am ministeir. “Mur h-e a h-àbhuist a bhi tighinn gu aoradh ’s ann a’s mò a feum a nis.” [TD 122] B’ fheudar a toirt a steach. Thàinig i is thòisich am ministeir air an aoradh. Air do ’n aoradh bhi seachad thòisich am ministeir air a’ chaileag a cheasnachadh mu h-anam. Fhuair e i fìor aineolach. Cha robh fhios aice gu’n robh anam aice. Cha b’ aithne dhi ciod bu chiall do ùrnuigh. Mu dheireadh thuirt am ministeir, “Ma ta, tha mise dol a Dhùn-Eideann, agus bheir mi a d’ ionnsuidhse neapaicinn beag ma gheallas thu dhomh gu’n abair thu an ùrnuigh so; cha ’n ’eil i ach goirid; ceitheir focail na tha innte—‘Thighearn, nochd dhomh MI-FEIN’ ma chanas tu so gach oidhche agus gach maduinn bheir mi thugad an ni a gheall mi.” Bha a’ chaileag fìor thoilichte. Bha ball ùr eudaich ’na ni nach robh tric a’ dol. Thug i a gealladh air ball; is dhealaich Mr MacPhàil rithe, an déigh dha, cha’n’eil teagamh, seadh agus brìgh ùrnuigh a mhìneachadh. Chaidh am ministeir do Dhùn-Eideann. A ris an ceann aon mhìos chì sinn am ministeir a’ triall air ais troimh aonaichean Bháideanach gus an tigh-òsda cheudna. Aig an aoradh a rìs cha robh an nigheanag a làthair, is dh’fheòraich e an t-aobhar. “Gu dearbh,” thuirt bean-an-tighe a’ freagairt Mhr. ’ic Phàil, “cha robh i gu móran stà dhuinne o’n bha sibh an so; cha d’ rinn i dad ach suidhe is sileadh dheur; tha i cho fann ’s nach urrainn i éìridh as an leabaidh.” “O bhean, leig dhomh a faicinn air ball,” thuirt am ministeir, s’ e tuigsinn aobhar a bròin. Chaidh a threòrachadh gu toll sìos fo ’n staidhir, far an robh an creutair ’na luidhe air leabaidh chònnlaich ann an teinn spioradail anma. “Ma ta, leinibh,” thuirt am ministeir, ’s e labhairt rithe gu caoin, “so agad an neapaicinn a thug mi a t’ ionnsuidh á Dùn-Eideann; tha mi ’n dòchas gu’n a rinn thu mar a gheall thu agus gu’n dubhairt thu an ùrnuigh a thug mi duit.” “O cha’n urrainn mi bhur tiodhlac a ghabhail; bu tiodhlac daor dhomhsa e. Theagaisg sibh dhomh ùrnuigh a fhreagair Dia air dóigh uamhasaich: NOCHD E dhomh Mi-féin, agus O nach b’eagalach an sealladh e! Mhinisteir, gu dé a ni mi, gu dé a ni mi?” An déigh beagan labhairt dh’fhosgail Mr Mac Phàil dhi slighe na slàinte. Aig crìch a chòmhraidh theagaisg e dhi ùrnuigh ghoirid fharsuinn eile: “Thighearn, nochd dhomh THU-FEIN.” Dh’ fhalbh am ministeir an ath mhaduinn. Ach thilg e “aran air na h-uisgeacha;” an d’ fhuair se e “an déigh mòran làith?” Chaidh mòran bhliadhnai seachad. Bha am ministeir treun lùghmhor ud air fàs sean; e air e-féin a chaitheadh ann an seirbheis a Mhaighsteir. Chaidh ìnnseadh dha aon là gu’n robh coigreach ag iarraidh fhaicinn. Cò bha ’n sud ach an nìghneag a bha ’s an tigh-òsda. Bha deadh chuimhne aig Mr Mac Phàil oirre. Nochd Criosd e-féin di; fhuair i fois ann. Chaidh na sean nithe seachad; tha i nis ’n a creutair nuadh. Rinn i pòsadh measail; ’s tha teaghlach mòr aice. Thàinig i air astar fada a dh’ innseadh dhà-san gu’n d’fhuair i Criosd. A Leughadair an do thuig thu fathast brìgh an dà ùrnuigh ghoirid ud? [TD 123] NA GAIDHEIL IS NA PHILISTICH. Ann an dùthaich Chànaan bha srath air ’fhàgail aig na neo-thimchioll-gheáirrtich, na Philistich, air nach, d’fhuair na h-Israelich sealbh. B’iad na Philistich “am bior ’s an fheoil” a bha gonadh, le sàthadh goirt ’na uairean, cridhe nan Israeleach. Cha robh leigheas ach fulang air a’ chùis, ged is iomadh deur fola a chaidh mu làr ’san strìth. Ann an tìr shona na Gàidhealtachd, gheibhear am measg nan Gàidheal, ’n am bior seirbhe, grunnan do dhaoine aig am bheil nádur borb nan sean Philisteach. Gheibhear iad cosmhuil ri ’n sean chompearaich ’g an cur féin an aghaidh gach aghartais ann an gnothuichean fìnealta no deadh-rùnach ’sam bith. Co-cheangailte ri cùisean a bhuineas do chliù is do ainm nan Gàidheal gheibh thu iad dian an sàs. Ma chì iad Gàidheal bochd, oir cha bhuin an t-ainm doibhsan a bhrìgh buirbe an gnè, ag oidhearpachadh air cùis ionmholta ’sam bith, is e an gnás toiseachd air a shlachdadh, gus an leth-marbh iad e, agus am buidhe leis a chasan a thoirt ás, agus gun a làmh a dhochann ri a leithid a chaoidh tuille. Thusa, a chéabain, tárr ás! Thusa a’ gabhail ort féin dol an dàil gnothuich ùir a’n t-seòrsa! ’S ann oirnn a thàinig an dá latha mar is tusa a dh’fheumas a bhi ’g ar teagasg. Geàrr sìos e; c’arson a bhiodh e a’ fàsachadh ar tìr le ’mhi-mhodh dàna. Ma ta, gheibh thu an spiorad Philisteach so ro láidir am measg luchd eaglais;—gu sònruichte am measg nam muinntir a tha fòghluimte ann am beul-aithris nan sínnsear anns an Taobh-Tuath. ’S truagh leam-sa an t-òganach a thig trasta orra sud. Tha an t-òganach bochd ud a’ deanamh—tha faireachdainn aige—gu’n d’ ràinig e ann an tomhas air eòlas na diadhachd. Tha e tighinn ann an lànachd a chridhe far am bheil na Philistich ud a dh’fhaotainn an cuideachaidh is an comh-fhaireachdainn. Is faoin agus is dìomhain dùil an truaghain. Ma bheirear idir fainear e ’s ann a leigeadh ris dha nach ’eil comunn acasan ri a leithid. Thoir ort. Ciod do ghnothuch-sa smuaineachadh gu’n do ràinig an aon chumhachd ort a ráinig oirnne. Na leigeadh Dia gu’m biodh gnothuch againne riut. Tha sinn tuille a’s eòlach air do sheòrsa. A Ruairi, feuch nach cuir thu am fear ud an ceann dleasannais ’s am bith. Is iomadh slachdadh trom a ni iad sud air òig an aideachaidh. Agus is iomadh fear gealltanach a chaill a chasan ’s an strìth nach d’ fhuair iad iomadh lá ’n a dhéigh. Ach ma ’s e agus gu’n cuir iad do mheas air neach gu’n iarr iad air dol an ceann dleasannais coitcheinn ’s am bith bheir iad an deadh aire nach leig iad ás e gun saighead no dhà a thilgeadh ’na rathad. Ma ’s e agus gu’m faigh iad e a’ deanamh ùrnuigh tha fear dhiubh féin deas a dh’ éiridh ’n a dhèigh a dh’ asluchadh an Uile-chumhachdaich gu’n saoradh e iad o pheacadh dánadais an neach a bha roimhe! Tha am ministeir òg a’ faotainn a ghreadaidh uatha. Cha’n’eil beatha ’s am bith ’na theagasg. Cha’n ’eil aig ach fòghlum. Tha e aineolach air eideachadh na diadhachd. Leò-san tha diadhachd a’ co-sheasamh ann am fad làithean, truime osnaidh, is eudan deurach, [TD 124] dubhach mar neòil chasgairt. Ma ’s e agus gu’n toir am ministeir òg searmoin dhoibh anns am faigh iad an ni ud a tha iad a’ meas ’n a beatha dhiadhaidh—féin-fhiosrachaidh creidimh, cha d’ rinn e ach a thoirt á leabhraichean—cha’n’eil aige ach naomh-ghoid! Ach mar a tha daoine borb an còmhnuidh (barb-arians!) gheibh thu na Philistich ud a’ sladadh a chéile. C’arson a ghabhas thusa ort facal a ràdh; cha robh an diadhachd ’n a gloine anns an àite ’s an do thogadh thusa. Cha robh teagasg na fìrinn ceart ’san dùthaich agaibhse! Cha’n’il a’ chuma cheart air an luchd-aideachaidh agaibh. “Cha’n’eil math dhuinn a bhi trom air an òigridh ged a théid iad gu àitean ciùil is dannsaidh,” arsa fear aig an robh nighean a dhannsadh gu lurach, agus a chluicheadh gu h-eireachdail; “feumaidh sinn coisir-chiùil (choir) fhaotainn ’san eaglais a chuidicheas am fear-seinn,” arsa fear aig an robh nighneag a sheinneadh le binneas eòin na h-ealtainn; “is i an diadhachd a dh’fhás ìosal ’n ar là agus ’n ar linn,” arsa fear eile aig nach robh teaghlach idir, ’nuair a chithear daoine a’ strì ri Dia a mholadh le sgamhannan an nàbaidh, agus feadhainn eile a’ sgeadachadh na diadhachd le éideadh ciùil is dannsaidh! Och mo leòn! nach e spioradalachd fradhairc a tha an déigh falbh ás ar measg. So agad gnè bith, beatha, is gluasad nam Philisteach. Bha an lamh-an-uachdar aca a nis o cheann iomadh là; ach tha an rìgheachadh a’ tighinn gu crìch. Tha e air a ràdh gu’n teich spioraid fhiosachd no bhuisneachd roimh lighichean. Is ann mar so a thachair do na Philistich so; tha e soilleir gu bheil an tréine a’ teicheadh roimh eòlas is roimh ionnsachadh. Tha an tighean-coinneimh a’ dol fàs. Glac iad an ceann searmoin agus tha iad cho lag ri muinntir eile. FRAOCH. TOBAR SHILOAM. Fo thaobh na beinne creagaich glais’ Tha amar tobair chaoimh A’ sruthadh tlà gun chobhar cais’ Mar shìth an Spioraid Naoimh. An t-Arab tartmhor cromaidh sìos A dh’ òl de’n tonn ’san tàimh; ’S do ’n Tì le saorsa chrom a nìos ’N crì tartmhor thig an dàimh. Silóam, ainm an tobair chaoimh, D’am brìgh, “Air ’chur o Dhia;” Is uaith théid cliù ’n Fhir-shaoraidh Naoimh ’S gach ceàrn a’ ghrian mu’n iadh. O! mar ’s an fhuaran s’, ìomhaigh Ios’ Biodh orms’ ri ’faic ’na h-àgh; Mo bheatha ’s m’ uile chosg ag ìnns’ Mu ’thròcair is mu ’ghràdh. [TD 125] O BHRETH GU BÀS. An fheadhainn nach cuala iomradh air Ruairi Bàn cluinnidh. Bidh iomradh geàrr air a bheatha ri fhaotainn teagasgail, eideachail, agus airidh air cuimhne air son dà aobhar, (1) Air tùs, agus gu sònruichte, a nochdadh modh oibreachaidh agus gnè strìth na naomh ghintinn anns an anam, agus (2) a chumail cuimhne ann an tomhas air beatha na diadhachd le ’cleachaidhean mar a dh’ fhoillsich si i-féin anns a’ Ghàidhealtachd. “Mur cuir thu sìol fallain Ann an earrach na h-òige, Cho cinnteach ’s am bàs duit Cuiridh Sàtan droch phòr ann: A dh’ fhàsas ’na dhubhailc, ’S ’na luidheannan feòlmhor; ’S bidh do bhuain mar a chuir thu, Ma ’s dubhailc no dò-bheart.” D. BOCHANNAN. Dh’ fhosgail Ruairi a shùilean ’s an t-saoghal so a’ cheud uair air a’ cheud là Sàbaid de’n òg-mhìos, 1849. Thug e cheud ràn air thalamh ann an tigh nach robh ro mhòr ann am baile beag bòidheach torach na Faiche. Bha ’athair ’n a riaghlair air tuathanachas mòr farsuinn a’ bhaile. Ged nach robh a thigh mòr—bha dà sheòmar is seòmar-bidh ann—bha comh-fhurtachd, gloine, agus gràdh a’ gabhail còmhnuidh ann. Bha pàrantan Ruairi measail aig gach duine ’s an sgìreachd. Thòisich iad an tigheadas ann an eagal na diadhachd—le eagal Dé fa chomhair an sùl; agus fo bhuaidh a’ chleachdaidh so dh’ fhàs an teaghlach suas ’n an cliù dhoibh féin agus dhoibhsan a thog iad. ’S an àm bha aoradh teaghlaich fìor ainneamh am measg an t-sluaigh ni a bha ’nochdadh rud-eigin ann am pàrantan Ruairi a rinn briseadh air a’ chleachdadh mhì-dhiadhaidh ud. Cho luath agus a b’ urrainn Ruairidh labhairt thòisicheadh air teagasg na h-aibideil dha; dh’ aithnicheadh e ann an ùine ghoiridh eadar na litrichean. Cha robh cuimhne aige gu dé mar a dh’ ionnsuich e an aibideil; thog e i cho òg. Mu’n deachaidh e do sgoil riamh rachadh aige air facail aon-lideach a litreachadh. Bha a’ chuid a bu mhò de cheisdean Leabhar-Cheist na Màthar aige ’na inntinn. Mu’n d’ thàinig e gu treòir ’s am bith bhiodh a bhràithrean ’g a thoirt leò do sgoil Ghàilig a bha fìor fhagusg; ’s chuireadh am maighsteir-sgoile e ’na sheasamh aig toiseach na buidhne a bu mhò ’n uair bhiodh e ’gan ceasnachadh. Ghluais so tograidhean féin-mheas agus féin-ghlòir ann an Ruairi nach d’ fhuair e ré ùine á ’inntinn. ’N uair a chaidh e do sgoil cheart, ni a rinn e mu aois shè bliadhna, shaoil leis gu’m bu chòir dha faotainn aig toiseach na buidhne anns am biodh e; agus bha a dhìchioll agus a chomas-ionnsachaidh cho aithnichte ’s gu’n do ghléidh e an t-àit ud ach beag daonnan. Ma’n tachradh e uair ’s am bith gu’n robh neach a faotainn os a cheann bha e air ball a’ taiseachadh gu sileadh nan deur. Bhiodh e féin ag ràdh gur h-i so an fhàillinn a bu mhò a thug do [TD 126] dheuchainn da ré a bheatha. ’Na sheachd bliadhna an 1856, leughadh e le sgiobaltachd na h-Instructive Extracts, agus cha robh e dona air sgrìobhadh meanbh. Ann an 1859 bha e ’na chunntair maith agus ’n a sgrùdair treun ann am bunabhasaibh na Beurla. Air do ’n mhaighsteir-sgoil, Niall Mac-na-Ceàrdadh, caochladh beagan roimhe so cha robh sgoil ’san nàbaidheachd a nis do ’n rachadh e. Ré nan cùig bliadhna a lean cha d’ fhuair e cothrom tuille sgoile. AM ATH-BHEOTHACHAIDH. Aig an àm so thàinig dùsgadh rathad an eilein a rinn mòr ghluasad. Thòisich ceudan nach fhacas a frithealadh air meadhona nan gràs ach annamh air dol do’n eaglais agus do thigh na coinneimh. Bha mòran a’ tighinn gu aoradh follaiseach mar so troimh ioghnadh; mòran eile a dh’éignich staid an anma iad; agus cuid eile air an gluasad air dhoibh a leithid de bhruaillein fhaireachadh ’s an athar mhodhannail leis an robh iad air an cuartachadh. Is aithne dhomh gu’m bheil mòran ann a tha gu coitcheann a dìteadh dhùsgaidhean mar so; agus a bhonntaicheas am beachd air cleachdadh mi-chubhaidh na muinntir a tha ’g aideachadh a bhi air air an dùsgadh. Ach ged a tha, mo thruaighe! mòran fìrinn ann an so cha’n fhìrinn uile e. Cha ’n urrainn dhuinn cur an aghaidh fianuiseachadh gu’m bheil mòran ann aig àmaibh mar sud a tha tighinn gu eòlas air Crìosd agus aig am bheil o’n àm ud a mach an ceum glan agus seasmhach ann an co-chomunn ris an eaglais. Is ann mar so a bha a’ chùis aig an àm ud feadh an eilein. Thill mòran a “ghlaoidh” r’an iodhalaibh, ’g an glacadh ni bu tinne na rinn iad riamh roimhe. Thug iad sud comharradh air gu’m faca iad aisling uamhasach air meud agus air cionnt am peacaidh; ach cha’n fhaca iad riamh Esan a chuir ás do’n pheacadh —— Iosa Criosd. Gidheadh bha muinntir eile ann a dhearbh gu’n robh cumhachd gràis ag oibreachadh ’nan cridhe. Thug a’ bheatha nuadh annta comharradh air toradh nèamhaidh. Bha am fàl—an ìomhaigh mhodhannail no nèamhaidh a’ dealradh leis an aoibhneas agus an t-sìth ud a tha aig a’ mhuinntir shona a fhuair fois air uchd ionmhuinn a’ Ghaoil Shìorruidh. Ni ’s faide mu’n chùis so; tha mo bheachd féin mar a leanas. Nach ’eil e gu tric a’ tachairt gu’m bheil an fheadhainn a fhuair an togail ann an oilein na diadhachd agus a bha gu nàdurra breithneachail, air an dùsgadh gu h-obann; cha’n fhaigh thu iadsan gu tric am measg na muinntir a “ghlaodhas.” Tha a’ bhuidheann so gu coitcheann beò fo bhuaidh Uil-fhaicsinneachd; agus a réir deachdadh deadh bheus. Tha iad eòlach air teagasgaibh prìomhail a’ chreidimh Chriosduidh; agus tha eòlas-cinn aca mar an ceudna air ciod i gnè beatha na diadhachd. Oir cha’n ’eil ann an glacadh no tuigsinn fìrinn na diadhachd ach obair na h-inntinn; cha’n e obair gràis. Feudaidh neach anns nach ’eil freumhan na diadhachd dearbhadh agus comh-chòrdadh teagasgan an t-Soisgeil fhaicinn; ’aonta a thoirt dhoibh; agus a bhi fathast aineolach air an gnè mar a tha i air a tuigsinn leis an anam a tha ann an Criosd. Cosmhuil ri MacCheyne, an tùs a làithean, tha iad so ag altrumas deadh bheus; ach tha iad ’nan cridheachan ’n am Pharasaich. Is cosmhuil ris-san mar an [TD 127] ceudna cha’n’eil a’ chuid diubh a thig gu eòlas spioradail buailteach do bhi air an dùsgadh gu h-obann. Tha iad air an tarruing gu sèamh gus an earbsa a chur ann am Fear-Saoraidh anns am bheil iad a’ faotainn leigheas air coguis chiontaich troimh fhuil na rèite. Bha peanas, breitheanas, siorruidheachd, agus neo-bhàsmhoireachd fagus d’am breithneachadh ’n an caithe-beatha roimhe so, agus cha’n’eil na cuspairean so a nis cho ùr doibh. Air an làimh eile tha muinntir mi-chùramach, aotram, neo-bhreithneachail ann nach do smuainich riamh air neo-bhàsmhoireachd taobh thall na h-uaigh. ’N uair a tha gath-soluis reusoin, mu choinneamh sgàthan na fìrinn, a’ soilleireachadh sùil na tuigse, agus a’ foillseachadh le uamhann obann gu’m bheil saoghal spiorad ann a tha air fholach ann an sròlaibh dìomhar troimh am feum gach bith bheò dol, tha a’ mhuinntir ud an sin air ball ’g am faotainn féin ann an cùram tiamhaidh. Tha iad a’ faicinn a nis an neo-fhreagarrachd air son a leithid sud a staid a dh’ ionnsuidh am bheil iad a’ deifreachadh. Tha iad a’ cuimhneachadh air an dìmeas féin air a’ chothrom agus air na meadhona a bhuileachadh orra gu iad féin uidheamachadh air son saoghail ri teachd. Tha iad a’ faotainn aisling air Dia mar a tha e air a sgeadachadh ann am buadhan a naomhachd agus a cheartais. Tha an neart mar so air a thoirt o fhéithean cruaidhe am mi-chùraim gus am bheil iad gu cumhachdach air an gluasad. Tha a nis feartan modhannail an anma ’g an cur féin air ball ann an cleachdadh a réir an gnè. Car treis tha smuaintean na feadhainn ud ’n an ifrinn. Mur faigh sùil creidimh greim air Criosd faodaidh iad bàs fhaotainn ’san staid ud. Tha mòran a’ faotainn eòlais air a’ chor inntinn so a tha a’ tuiteam air an ais ann am mi-chùram agus a tha fa-dheòidh air an call. Oir gus am bheil Criosd air ’fhaicinn agus air a ghabhail mar Shlànuighear gu pearsonta, gheibhear anman, co-dhiù a tha iad ’nan dùsgadh no an suain a’ pheacaidh a’ tuiteam gun chòmhnadh ann an doimhneachd an t-sluichd a’s ìsle! Dh’ fhàg Ruairi cuimhne mar a leanas air coinneamh oidhche Shàbaid aig àm an dùsgaidh: “Tha cuimhne agam air aon oidhche a bha mi aig aon do na coinneimhibh so. Bha a’ choinneamh air a gleidheadh ann am baile beag dùthcha. Bha am ministeir ’n a dhuine òg an déigh cead searmonachaidh fhaotainn. Bha a cheann-teagaisg á 1 Pead. iv. 18:—“Agus ma ’s ann air éigin a thearnar am firean c’ àit an taisbein an duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e féin?” Cha dubhairt an searmonaiche leth-dusan focal ’n uair a chìteadh an luchd-éisdeachd air an gluasad air dòigh chumhachdach, dhìomhair—air ball cuid a’ briseadh a mach ann an glaodhaich eu-dòchais—cuid ri ùrnuigh ann am briathran ni ’s dùrachdaiche na ghabhas ìnnseadh—cuid fo osna thruim a’ dol seachad ann am fàillinn,—cuid ri oibreachadh domhain fo eallach neo-fhaicsinneach nach gabh toirt air falbh ach le làmh neo-fhaicsinneach a mhàin. B’éigin do ’n mhinisteir stad an sin; ’n uair a thòisich an càirdean air an fheadhainn a bha ri glaodhaich a ghiùlan air falbh agus air frithealadh do ’n fheadhainn a bha seachad ann [TD 128] am fàillinn ’s an laigse gun fhocal aca. Bha ioghnadh air gach duine mu na h-ùrnuighean dùrachdach agus mu na briathran ealanta a gheibhteadh aca sud: aig feadhainn a bha aig àmaibh eile tur aineolach air nithe spioradail. An déigh ùrnuigh is shalm sgaoil a’ choinneamh—cuid do na bha làthair neo-thoilichte gu ’n deach an t-searmoin a chur a dhìth orra. Bha an t-astar eadar tigh-na-coinneimh agus ar dachaidh mu dha mhìle gu leth. Bha gealach ann. Bha ar rathad dhachaidh taobh tràgha a bha seachd mìle air fad. Bha solus na gealaich air a’ ghainneimh ghlais ro lurach do ’n t-sùil. Air aon taobh bha strath fearainn ag éiridh beagan le a chnocan muranach gainneimh ’g ar dìon o ghaoith reòite na h-àird-an-ear. Air an taobh eile bha beulanaich a’ chuain le an gnùsd trom domhain a’ ruith gu bòidheach aon an déigh aoin, is am mullaich a’ tionndadh gu cobhar bàn ’n uair a bha iad ’g an sìneadh féin suas gu tana air an tràigh. Tha an tonn ud a tha a’ briseadh ann an sud an dràsd air teachd gun ghrabadh tìr o chòrsa Innistrathal an Eirin. Bha gearan tiamhaidh na mara muladach do inntinn cuid do na bha leinn ’s a’ chuideachd. Bha sinn ochdnar no naoidhnear a’ teachd còmhla. Bha dha no thrí leinn a ghlaoidh ’s a’ choinneimh; ach a tha a nis ag imeachd dhachaidh le cuideachadh chàich. Bha a’ chuid a b’ eutroime dinn a’ faireachdainn rud-éigin de dh’ ùghdarras na diadhachd ’n ar measg. Bha sinn a’ faireachdainn sàmhchair throm sgìth spioradail—ceòl dubhach a’ chuain is osag thiamhaidh mheadhon-oidhche—ceò taibhseach na gealaich le sgàil fàsmhor na sàimhe a luidh air muir is tìr—ar ceuman neo-chothromach féin, agus an cagar fann o bheul gu beul—chuir iad so uile mu seach no le chéile fonn neo-àbhuisteach air ar n-anam:—dh’ fhairich sinn làthaireachd saoghal neo-fhaicsinneach—sòluimteachd na sìorruidheachd!” (Ri leantuinn). GU DEASAICHE NA BRATAICH. A Shàir Chaoimh,—Tha mi fada ’n’ur comain air son Bratach na Gáilig. Tha fíor gháirdeachas orm gu bheil bhur Bratach ghlan shoilleir, fharsainn, gu léir an Gáilig smiorail, sgiobalta. Cha toigh leam idir, Fhir mo rúin, am shean aois, mo chainnt mhàithreil fhaicinn an cló leth Ghallda, cosmhuil ri cuid do eigeachan an latha’n diugh aig am bheil an dlūth do Bheurla, agus an snáth-cuir do Gháilig—cárd no dhá do chló Gáidhleach, comhla rì mòran shlatan do inneanadh tana, crásgach Sasunnach. Dh’ iarrainn taing mhór a thoirt do Mhr MacPhun ’s d’a Mhac, dhuibh féin, agus do bhur co-luchd-oibre air son cho eireachdaìl ’s a rinn sìbh a’ Bhratach. Rinn mi féin am choithional beagan air bhur son, ach oidhirpichidh mi á so suas air barrachd a dheanamh. Tha lán fhios agam na rachadh ministeirean, ceisteirean, maighstirean sgoile agus foirfich an guailnibh a chéile nach e mháin gu’n cumadh iad a’ Bhratach togta mar tha i cheana, ach stéidhicheadh agus [TD 129] neartaicheadh iad i, gus nach rachadh aig gamhlas Ghall no Shasunnach air a tilgeadh gu lár. Foipe seasadh gach neach a labhras cánain Oisein, co-dhiù tha iad Easbuigeach, Stéidhichte, Saor, Baisteach, no Neo-Eiseimealach. Orduicheadh cinn nan coithional grunnan pháirtean do’n Bhrataich, agus bitheadh an sluagh toilichte am faotainn agus páidheadh air an son. Tha toileachas orm a bhi faicinn cor uair iomradh ’s na paipeirean naigheachd air comuinn Gháilig a tha nis air an casan am bailtean móra is beaga na rìoghachd, tha mi’n dùil gu’n toir iad uile an lámh dheas dhuibh a mhisneachadh bhur ’n oidheirp chaoimhneil. Tha mi tuigsinn o cheann ghoirid gu bheil Fàrdaichean Gàilig ’g an togail air son Dheadh Theampullach Gàidhleach agus tha mi creidsinn ma gheibh na Comuinn Mheasarra dheadh-rùnach agus ghnìomhach so eòlas air Deasaiche na Brataich, le chéile “Togaidh iad suas na làmhan a ta air tuiteam sìos; agus neartaichidh iad na glùine laga; agus ni iad cos-cheuma dìreach d’an cosaibh, air eagail gu’m bi an ni sin a ta bacach air a thionndadh ás an t-slighe; ach gu ma mò bhiodh e air a shlànuchadh.” (Eabh. xii. 12, 13.) Fuilingibh dhomh nis facal a ràdh air Pàirt Iulai do’n Brataich. Tha Ceit Mhòr, iongantach drùighteach, agus ’na mhisneach do chreutair bochd a bha diùltadh Chriosd, gu sean aois. Tha Gháilig sgaiteach, glan, agus na dealbhan ro thaitneach. Bithidh mi deònach Iar-Eileanach fhaicinn ’s a chluinntinn a rìs. Tha e labhairt neo-sgàthach aig àm feumail. Tha’n Eaglais leis an diadhair fhòghluimte an t-Olla Mac Gillebhrà bàrdail, snasmhor. Tha na Mormonaich, le I. S. Mac Néill pongail, òrdail, air innseadh am briathra cho soilleir, geàrr is a dh’ fhuilingeas nàdur an ni. Tha e feumail gu bheil am baoth-theagasg so air a sgrùdadh ’s air a thilgeadh bun os ceann le Mac Néill. Tha gach neach tha leughadh Shìne Chaimbeil riaraichte. Feudaidh bhur Bratach seasamh làimh ris a’ Mhìosachan Bheurla a’s fèarr a th’ againn. Is mise, Dheasaiche Ghaolaich, Bhur Seana Charaid E. M. L. NA TRI FARDAICH. (1.) Seall air an tigh ud taobh an rathaid. Is lùchairt bhriagh e leis gach ni mu ’n cuairt a’ co-fhreagairt. Tha an eàrnais luachmhor, a’ nochdadh comharraidhean beairtis sòigh nach fhaighear mìltean air astar mu ’n cuairt an leithid. Seasaidh am fear-turuis a choimhead a maise, ’s i a’ dealradh cho greadhnach an gathan an gréine. Ach tosd! Ciod a tha an t-eòlach ud ag ràdh? Tha aghaidh an fhir-thuruis air fàs glas-neulach! Tha gairisinn air tighinn air ’fheòil. Tha a ghlùinean ach beag a’ bualadh ri chéile. Gu dé chuala e? Rinneadh mort ’s, an tigh ud! Chaidh luchd-turuis aig an robh stòras air an siubhal a steach a leigeadh an sgìs. Mu ’n d’ fhàg iad sud chaidh an triùir a mhort! Tha an tigh a nis taobh an ròid falamh: cha ’n fhaighear duine a ghabhas còmhnuidh ann; “tha e air tionndadh ’na ghràin do gach neach.” Curidh e crith air feòil dol seachad air. [TD 130] (2.) Seall a rìs aig oisein na sràid ud. An sud tha lùchairt fharsuinn mhaiseach, is litrichean buidhe òir ’n an sreath air a stuadhan. Tha a dathan greadhnach agus taitneach do’n t-sùil. ’S iomadh fear-turuis allail, uaibhreach a chi thu dol a steach ’n a còir. Aon an dèigh aoin, pailt ann an òr ’s an airgiod, chì thu iad làn uaill is neirt a’ dol a steach troimh ’geataibh. Ah! cia lìon a thig a mach mar a chaidh iad a steach? a thig a mach le ’n òr ’s le ’n airgiod, le ’n reuson ’s le ’n coguis bheò? Cia lìon anam a fhuair gath a bhàis an taobh a stigh do na ballachan ud? Feuch am fear ud; tha e tighinn a mach; sin e seachad;—sin e aig taobh Chluaidh—aon phlub—aon ospag—chaidh e fodha—cha ’n fhaicear e ni ’s mò! Rinn làthach na doimhne greim air. Nach iomadh anam is corp fo chuthach bàis a thilgeadh a mach á cùiltibh na lùchairt ud gu bhi air an giùlan air falbh air sruth truaighe? Chaidh an companach, an caraid, am bráthair, agus a’ mhàthair a lot gu bàs anns na seòmraichean ud. An sud fhuair mìltean puinnsean casgraidh anma is cuirp. Cha ’n ann gun sgreimh a sheallas sinn air an lùchairt ud. Thig là n dìoghaltais. Thig an là anns nach faighear am fear-turuis a’ dol a steach troimh a geatacha, ’s a bhios a crìochan fàs. Cha ’n fhaighear duine a théid innte a bhrìgh a’ chasgraidh mhòir a rinneadh ’n a dàil. (3.) Ach nach mór cliù, nach ionmhuinn maise, nach greadhnach rùn na togail ud air taobh eile na sràide? Nach ionmholta obair, nach cliùmhor ainm, nach néamhaidh rùn na muinntir mu ’n cuairt d’ a ballacha? Sud agad, ma ta, Fàrdach Measarrachd a chaidh a thogail a thoirt sgàil is dìon do ’n fhear-thuruis. ’S e dreuchd is obair luchd na Fàrdaich a bhi toirt rabhaidh do ’n mhuinntir bhaoghalta a chì iad a’ dol a steach do sheòmraichean fìon a’ bhàis; a ’n coimhead o dheoch an éig a tha air a toirt doibh r’ a h-òl air an t-slighe. Is iomadh òran molaidh, is iomadh laoidh thaingealachd a sheinneas ainglean néimh os ceann na Fàrdaich ud air son nan anma a fhuair dìon innte o mhallachd-feirge na dibhe-làidir! IAR-EILEANACH. “NA FIR.” Anns an dà lìnn mu dheireadh a dh’ fhalbh gheibhteadh ann an Taobh-Tuath na h-Alba daoine treun anns an diadhachd ris am feudar a ràdh air mhodh sònruichte agus fìor gu ’m b’iad na fir, no na laoich. Bheir sinn geàrr iomradh orra ann an so mar roimh-ràdh do iomradh-beatha Mhr A. Mhic Iomhair. ’S i a’ cheud cheist ciod a dh’ aobharaich a leithid de bhuidheann? Air do’n eaglais searmonaichean a sgaoileadh gu riaghailteach feadh nan crìochan cionnus a dh’ éirich a leithid sud de bhuidheann searmonachaidh a’ deanamh tàir is a’ tilgeadh air chùil ùghdarras na muinntir air an robh seula néimh? Oir so rinn mòran do “na fir,” ged nach deachaidh cuid cho fada. Gheibhear freagairt an dà cheist gu goirid ann an so—gu’n d’ thàinig a’ chuid mhòr do na ministeirean gu bhi ’n an “neòil gun uisge.” B’e ’n cliù:— “Tha iad coma co-dhiù Ma gheibh iad an rùsg Ged bhiodh an sionnach a’ stiùradh an treud.” [TD 131] Chuir Dia air chois na daoine ud a chur nam buachaillean dalla gu nàir. Tha e deanamh so anns gach lìnn agus anns gach dùthaich. Chum na crìche so dh’ éirich Buinian agus a leithid. ’N uair a tha an luchd-iùil a’ mort anma an t-sluaigh cuiridh Dia cobhair fa-dheòidh a nochdas do’n t-saoghal lìn an luchd-reubainn. Is ann air Tir-Mòr, an duthaich Mhic Aoidh, is an Gallaibh a gheibhteadh “na Fir.” Agus ged a bha mòran a mhinisteirean soisgeulach anns gach ceàrn diubh so gidheadh bha na ministeirean gun ghràs ni bu lìonmhoire, agus cha’n e mhàin nach searmonaicheadh iad an Soisgeul iad-féin ach b’e am miann gach fear a ghabhadh air dol an ceann dleasannais ’s am bith de ’n t-seòrsa a pheanasachadh. Mar so dh’ éirich dealachadh is nàimhdeas eadar “na Fir” agus na Cléirean. Anns an àm anns an robh aithrichean a bha treun ’san diadhachd air Tìr-Mòr bha Eilean Leòdhais gun ach gann ministeir soisgeulach o ’n dara ceann gus a’ cheann eile. B’e a’ cheud solus mòr a chaidh do’n Eilean, Mr Mac Leòid, a bha ann an Uig. Ri ’lìnn-san dh’éirich ginealach do dhaoine treuna, ceathairne dhiadhaidh troimh ’n do ruith cladhannan beatha feadh an Eilein gu h-iomlan. Am measg nam feadhainn a bu shoilleire agus a b’fheumaile dhiubh sud bha Mr Mac Neacail, Bharbhais, Mr Ros, Chàrlobhaigh, Mr Ros nan Loch, agus Mr Mac Iomhair Uig. Tha Mr Mac Neacail beò fathast; ann an Aireamh o cheann ghoirid bha iomradh againn air Laoidhean a sgrìobh e. TIGHNACLOICHE. A Dheasaiche Ionmhuinn,—Bha ann an Sgìreachd Chill-a-rudha aon uair seann tigh ris an abairte Tighnacloiche. Fhuair e ’n t-ainm so o’n aobhar a leanas. Bha Teàrlach Donn, Fear a’ Bhaile, ’na òg-mhac rìgh agus smaointich e gu’n togadh e dha fèin tigh geal. Chuir e fios gu dithis d’ a choitearan, Rob Ruadh agus Pàra Beag iad a dhol a bhuidhinn chlach air son an tighe. A thaobh gu robh iad fo bhòrlannachd do Fhear a Bhaile b’ éigin doibh a bhi umhal agus an obair so a dheanamh a nasgaidh. Thug iad tollairean is fairicheannan leòtha gu h-àite far an robh e furasda clach a chosnadh. Le tolladh, fùdar is teine sgàin iad an tiota an leacach chruaidh ’n a mìrean. Dh’ fhàs fadheòidh an slochd cho domhain gus am b’ éigin doibh fiodhrach tarsuinn, le cuidheal, sìoman gaoiseid, is cliabh fhaotainn an òrdugh aig beul an t-sluichd air son fear ma seach dhiubh a thoirt sìos agus a nìos. Thachair air latha àraid gu’n d’ thàinig Mr Teàrlach a dh’ fhaicinn dé mar a bha Rob is Pàraig a faotainn air an aghaidh leis an obair. Aig a’ cheart àm so bha Rob ag obair gu h-ìosal. Dh’ iarr Fear a’ Bhaile air Pàraig a leigeadh sìos tacun a chuideachadh le Reabart. Thug e àithne do Phàraig seasamh gu furachail am bun na cuidhleach. Ràinig e shìos ’s thuirt e ri Rob, “Seadh a Rob dé mar a tha ’dol leat,” “Tha mi féin le ’r cead Fhir a’ Bhaile,” arsa Rob, “a’ cur spor is cruaidh air ghleus a los teine chur ris an fhùdar.” “Thug mise sparradh teann do Phàraig seasamh tapaidh aig a’ chuidheil,” arsa am maighstir, “ach an [TD 132] saoil thusa a Rob, am bi ùine aig fear mu seach againn dol ás o’n àm a chuireas tu teine ri ceann a mach a’ bhréid gus a ruig e ’m fùdar.” “Tha mi ’n dùil,” chan Rob, “gu’m bi ùine gu leòir againn.” Chuir Rob teine ris a’ bhréid, ach a bhrìgh tainnead an anairt ruith an teine ’n a bheumaibh thun an fhùdair. Cha robh ùine r’ a call; leum an dithis ’s a’ chliabh, ghlaodh iad ri Pàraig car a chur ’s a’ chuidheil cho luath ’s a bha ’na dhà làimh. Ghrad fhreagair Pàraig; ach dh’ fhairtlich air gaoith a thoirt eadar iad is talamh. Leum Rob ás a’ chliabh, sheall e air a mhaighstir agus dh’éigh e ris, “Teichibh as le bhur n-anam, oir air mo shonsa dheth bidh mi ’n ùine ghèarr an nèamh.” Chaidh Teàrlach ás tèaruinte slàn; ach cha bu luaithe shuas e na chualas sgàineadh an fhùdair, agus a’ chreag ’n a spealgan a mach beul an t-sluichd. Bhuail sgealb Pàra Beag ’s a’ cheann a theab an t-eanachuinn a chur as. Chaidh Mr Teàrlach sìos do’n t-slochd cho luath a’s b’urrainn da, ’s chuir e Pàraig a ghairm nan clachairean, chum ’s gu’n rannsaicheadh iad air son corp Roib. ’N uair ràinig e ìochdar an tuill, chual e guth, bha Rob fathast beò, gun leòn gun dochann! Cha robh cuimhne aig air dad, ach gu’n do shnàig e gu taobh an t-sluichd ’s ’nuair a spraidh am fùdar, gu’n do leum clach mhòr a thuit aig a thaobh ’s dh’ aom an dara ceann di gu taobh an t-sluichd os a cheann. O chùlaobh na cloiche so dh’ éirich Rob. Thuairt a mhaighstir ris, “C’arson a leig thu mise suas an toiseach.” “Do bhrìgh,” arsa esan, “gu robh fios agam gu robh m’ anam fĕin teàruinte ach cho robh mi cinnteach mu chor t’ anam-sa.” Cha d’ thuirt am mhaighstir smid; ach chaidh an tigh a thogail ’s chuireadh a’ chlach a rinn dìdean do Rhob ’n a h-àrd-dorus os ceann dorus-beòil an tigh-mhòir. ’Nuair bha ’n tigh deas, airneisichte, chuir Fear a’ Bhaile fios air Rob Ruadh agus thug e dha mar thiodhlac Tigh-na-cloiche. Is mise, Fhir-ullachaidh Sheirceil Bhur Seirbhiseach dìleas. S. L. An Fhàrdach, Fhroinich Ile, Iulai, 1873. Bàs Lìosaidh nic Mhuirich,—Rugadh Lìosaidh ’s a’ Bhaile-mhòr aig Port-na-h-oitireach an Sgìreachd Chill-Fhìonain ’s a’ bhliadhna 1833. ’N a caileig òig dh’fhàs i tinn le euslaint do-leigheas—call lùthais an droma. ’S a’ bhliadhna 1848 luidh i air leabaidh thinneis iargainich o nach d’ éirich i gu latha a bàis. Bha a goimh neo-chumanta ro-chràiteach, oir bha i aon uair ré shé seachduinnean, balbh, dall, deud-ghlaiste. Maille ri a trioblaid eile, thòisich cancer bàsmhor ’n a broilleach faisge air dà mhìosa dheug mu’n do chaochail i; an ùine ghèarr thàinig an lot mairbhteach so gu h-àirde cho mòr, agus sgaoil e a fhreumhan cho domhain ’n a taobh deas gus an d’fhairtlich air uile sgil nan lighichean a leigheas. Bha a dòruinn agus a cràdh-cuirp a nis do-labhairt. ’S na suidheachaibh neo-ghnàthaichte so gu léir bha Lìosaidh aoibheil, foighdineach ’na triobiaid, moladh an Tì a dh’ òrduich i. Bha a h-anam an làmhaibh Lighiche a leighiseas iadsan aig am bheil an cridhe briste, agus a cheanglas suas an leònta. Chunnaic mi Lìosaidh ghràdhach beagan ùine roimh àm a bàis, agus i a réir coslais le a lòchran làn ola a’ feitheamh teachd an Fhir nuadh-phòsda. [TD 133] “Fàgaidh mise,” arsa ise, “’nuair a thig Esan gach creuchd is cràdh, bròn is peacadh an taobh a bhos do’n bhàs.” Chaochail i air an naothamh latha fichead de’n mhàigh 1873, aig aois dà fhichead bhliadhna; còig ’ar fhichead dhiubh so bha i air leabaidh a bàis. Dh’ fheuchamaid ri beatha Lìosaidh fhaotainn sgrìobhta ach tha fios agam gu robh i féin an aghaidh sin a dheanamh. “Gheibh bean ghràsail urram: ach lobhaidh ainm an aingidh.” CREAG NAN AL. Sgoilte dhomhs’, a Chreag nan Al! Foluicheam mi féin a’d’ dhàil! Biodh an t-uisge is an fhuil ’Shruth o d’ thaobhaibh ciùirt mar thuil Leigheas luibhre gach droch bheart; Glan mi o a ciont ’s a neart. Cha toir saoth’r mo làmh gu beachd Riar do iarrtuis dhian do reachd; Ged bhiodh m’ eud gun fhois a ghnàth, Is mo dheòir a’ ruith gu bràth Sud cha deanadh réit do Cheart; Saorar leatsa mhàin le d’ neart. Tha mi teachd gu falamh, fann, Mhàin a’ greimeach ris a’ Chrann: Lomnochd, teicheam fo Do sgàil! Anmhunn, ruigeam Neart nan Al! Salach, iarram sruth nan gràs! Glan mi, Ios’, oir gheibh mi bàs! Fad ’s a mhaireas m’ anail beò, ’N uair a bheir mi suas an deò, ’N uair a thogar mi le D’ chlì T’ ionnsuidhs’ air Do chathair-rìgh, Cuir do dhìon orm, ’Chreag nan Al, Foluicheam mi féin a’ d’ dhàil! SGRUDADH LEABHRAICHEAN. OSSIANIC CONTROVERSY: a Lecture delivered to the Greenock Highland Society. By the Rev. John M‘Pherson, Gaelic Parish. Greenock: A Mackenzie & Co. 1873. Tha againn ann an so gu goirid, soilleir, glan, brìgh an deasbud mu Dhàin Oisein. Mar a thug an t-Oraidiche fainear tha na seann argumaidean aig Johnson agus aig Laing gun fheum a nis, a réir an aideachaidh féin, o ’n thàinig The Book of the Dean of Lismore a mach. Cha chuir am fear aig am bheil brìgh na Gàilig ’na chnàmhan teagamh ’sam bith ann an Dàin Oisein. [TD 134] SINE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL VI. Mar so rinn an t-Uile-chumhachdach caraid fhaotainn dhomh a’ cuimhneachadh air ionmholtachd mo phàrantan ionraic. Oir deir an Salamadair naomh “Is beannuichte an duine air am bheil eagal Dhé. Bidh ginealach an ionracain air am beannachadh. Gu cinnteach cha ghluaisear e gu bràth. Bidh am fìrean air chuimhn’ gu sìorruidh.” Mar so rinn Dia mo phàrantan a chuimhneachadh ann an tròcair, agus an uair nach robh iad ann ni’s mò, thàinig e gu bhi ’na athair dhomh-sa, g’am dheanamh làidir an aghaidh na muinntir le’m b’ àill mo bhuaireadh, agus g’am bheannachadh le dòchas na bheatha. An ceann ceithir làithean chaidh mi air m’ ais gu tigh Mhrs Grannd, b’ e sin ainm na mnà-uailse a chaidh ainmeachadh roimhe. Air do Shàra thoirt fainear nach do dhìchuimhnich mi, mi féin a ghlanadh threòraich i mi do sheòmar beag làimh ris a’ chidsinn. Air dhi mo sheann luideagan a thoirt diom chòmhduich i mi le deise iomlain do aodach ùr. An uair a bha mi an làn òrdugh thug i leatha air làimh mi do’n t-seòmar shamhruidh, agus thubhairt i. “So agaibh a’ chaileag d’am bheil sibh cho caoimhneil.” “’S ann a th’ innte caileag bhòidheach r’ a faicinn,” arsa Mrs Grannd, “b’ fhèarr leam a Shàrah gu’m b’ urrainnear a h-anam a chur cho ealamh an an òrdugh ’s a chuir sinn a corp.” “Ah, le ’ur cead,” arsa Sarah, “cha’n’eil sin, tha eagal orm ’na ghnothach cho furasda. Cha’n’eil e ro-dhuilich an taobh a muigh a nigheadh, ach tha e fior dhuilich an taobh a stigh a ghlanadh.” “Ro mhath a Sharah,” arsa Mrs Grannd, “ach bheir sinn air a’ chuid a’s lugha an oidhirp. Tha e air ìnnseadh dhomh nach ’eil aig an leanabh so aon chuid athair no màthair. Agus is ro bheannuichte an ni a bhi ’n a athair do ’n dìlleachdan. Cuimhnich ciod a bhitheas air latha a’ bhreitheanais air a ràdh riu-san a chòmhduich an lomnochd, a thug biadh do’n ocrach, agus a chaidh a dh’ fhaicinn an euslain agus a’ phrìosanuich.” “Thigibh a dhaoine beannuichte m’ athar-sa sealbhaichibh an rìoghachd a thugadh dhuibh o leagadh bunaite an domhann.” An sinn ag amharc ann am aodann, “a Shìne bheag,” arsa ise, “am bu toigh leat dol do’n sgoil a dh’ ionnsachadh a bhi math? Am bi thu toileach sgur do chleasachd air an t-sràid, agus an toir thu suas t’ ùine do leughadh agus do obair? A’ chlann a bhitheas a’ cluich air an t-sràid maille ri càch ionnsuichidh iad breugan innseadh, mionnachadh, agus goid. Fàsaidh iad suas gu bhi dìomhanach agus ’n an droch fhir agus mhnathan. Agus an uair a gheibh iad bàs théid iad do àite anns am bi iad le deamhain ann an teine agus pronnasc agus slabhruidhean agus dorchadas. Ach fàsaidh a’ chlann mhath nach innis breug, nach mionnaich, ’s nach goid, agus a thà ag ùrnuigh ri Dia, a’ dol do’n eaglais, agus a’ fòghlum leughaidh, agus oibre ’n an fir is ’n an mnathan deanadach agus onarach, agus n am fìor-chrìosduidhibh, agus an uair a gheibh iad bàs théid iad do nèamh.” Ach tha eagal orm gu’n sgìthich mi sibh le m’ sgeul a dheanamh tuillidh [TD 135] is fada. Is leòir a ràdh gu’n do chuir deadh Mhrs Grannd mi do dheadh sgoil sheachduinn, agus air a’ h-uile Sàbaid fhuair mi mo dhinneir aig tigh bean uasal mo ghaoil. Bheireadh i orm leughadh dhi ’sa’ Bìobull an déigh dhi tighinn o’n eaglais ’s an fheasgar. An ceann miosa no dhà cha’n aithnicheadh sibh gu’m bu mhi chaileag cheudna. Bha mo choslas o’n taobh a mach air fàs cho glan modhail agus a’ leithid a dh’ atharrachadh orm anns gach ni tha maith. Cha rachainn air an t-sràid a chleasachd uair ’s am bith. ’Nuair a thiginn as an sgoil chaithinn an ùine ann an glanadh tigh piuthar m’ athar, no ann an càradh is ann an nigheadh ar n-aodaich. Ré ceithir bliadhna lean Mrs Grannd air mo chuir do’n sgoil, agus anns an ùine sin dh’ ionnsuich mi leughadh gu ro mhath agus b’ urrainn mi gné ’s am bith do obair shnàthaid a dheanamh. Theagaisg Sarah dhomh eòlas air mòran do obair tighe mar tha nigheadh, iarnachadh agus còcaireachd ann an rathad cumanta. Ach dh’ ionnsuidh mi ni b’ fhèarr na iad so air fad le m’ Bhìobull, agus o dhol do’n eaglais ’s o theagasg agus o chomhairle mo dheadh Mhrs Grannd. O so uile dh’ ionnsuich mi ciod dh’ fheumas gach aon aig am bheil toil dol do nèamh agus ciod dh’ fheumas iad a sheachnadh ma tha eagal orra roimh pheanas an déigh bàis. CAIBIDEAL VII. Air dhomh a bhi mu aois thrì bliadhna deug chaochail piuthar m’ athar bhochd agus a nis air dhomh a bhi gun dachaidh idir thug Mrs Grannd leatha mi air fad d’a teaghlach féin. Bha mi leatha ré tuilleadh a’s dá bhliadhna agus b’ iad sin na láithean a bu toilinntinniche do m’ bheatha. Cha deach latha thar mo chinn air nach d’fhuair mi teagasg feumail èigin o’ m’ mhnaoi uasail ionmhuinn, agus thug mi gach oidheirp a bha m’ chomas air math fhaotainn o na teagasgan sin, agus air fàs gach uair ni bu ghlice ’s ni b’ fhèarr. Mu dheireadh b’i toil Dé mo Mhrs Grannd chaomh a thoirt an trioblaid, an déigh latha no dhá chaochail i aig an aois mhòir, ceithir fichead ’s a dhá. Tacun roimh ’n chrìch ghairm i orm gu taobh a leapach agus labhair i rium an dòigh nach dìchuimhnich mi am feasd. A Shìne ionmhuinn, ars’ ise, ann an ùine ghèarr bithidh mise air mo thoirt ás an t-saoghal so anns an d’fhuiling mi iomadh deuchainn chruaidh agus tha dòchas agam trìd trócair Dhé dol do’n dùthaich shona sin anns nach ’eil brón no gearan. Na guil mo Shìne oir tha mi dol trìd toillteanais mo Shlanuighear a chum na cloinne agus an fhir-phòsda ghràdhaich sin a’s fada o chaill mi, agus an ceann beagan bhliadhnachan mo leanabh chi mi rìs thu. A mhàin fuirich an so, a chaileag mhath, cuimhnich aitheanta Dhé, na leig le toilinntinnean an t-saoghail do tharrainn o d’ dhleasdanas oir ’s e th’ annta toilinntinnean peacach nach mair ach ré ùine bhig agus d’ an crìoch pianntan nach teirig. Dh’ innis i ’n sin dhomh air dhi fios a bhi aice gu’n robh a crìoch am fagus, gu’n robh i ’feuchainn rè ùine fhada ri àite searbhanta fhoatainn domh, ach gu’n deach e dhi, oir gu’n robh a’ chuid mhòr neo-thoilichte leam a thaobh m’ òige; ach ars’ a’ bhean uasal mhaith, cha bu mhath [TD 136] leam thu, mo leanaban caomh a bhi ag iarruidh t’ fhortain an uair nach ’eil mise ann ni’s mò. Dh’ ullaich mi àite dhuit anns am bheil dòchas agam an toir thu, thu fèin air t’ aghaidh air chor ’s ann am bliadhna no dhà gu’m bi thu iomchuidh air deadh shearbhanta. Is aithne duit Mrs Dùghlach, arsa ise, a tha mu dhà mhìle mach á Dunodhain agus a’ tighinn beò gu comhfhurtachail le nigheadaireachd, le h-iarnachadh agus le fuaigheal. Tha i ’na boirionnach deanadach agus a’ giùlan deadh chliù, agus dh’ aontaich i do ghabhail d’ a tigh ré thrì bliadhna agus ris an ùine sin ni thu, thu féin suas r’ a h-obair agus bithidh tu ’n sin comasach air feitheamh air mnaoi uasail. Cha b’ urrainn domh car treis a freagradh oir bha mo dheòir ion ’s ’g am thachdadh. Ach an uair a chaidh agam air labhairt thug mi buidheachas do m’ mhnaoi uasail chaoimh air son a caoimhneis agus gheall mi nach dìchuimhnichinn am feasd na nithe maithe theagaisg i dhomh. Thug i ’n sin dhomh trì puinnd Shasunnach a chumail aodaich orm am feadh a bhithinn le Mrs Dùghlach o nach robh mi ri tuarasdal idir fhaotainn. Thug i dhomh mar an ceudna a Bìobull agus a leabhar-ùrnuigh. (Ri leantuinn.) FIOS COITCHEANN. Tha sinn toilichte fhaicinn gu’m bheil an t-Urr. I. C. Rusel á Ceann-Loch air a thaghadh gu dreuchd Prìomh Ard Aoraidhear Fiachail aig seisean Prìomhail O. N. D. T. ann an Glaschu. Bidh esan ’n a neart do na Teampullaich Ghàidhealach. Ann am mìos Iune dh’ fhàg an t-Urr. D. Mac Leòid, á Leòdhais, an dùthaich so a dhol gu Kaffraria an Africa. Bha Mr Mac Leòid ’na oileanach ionnsuichte aig an robh mòr gheòire inntinn is doimhne breithneachaidh. Bha déine a dhiadhachd agus tréibhdhireas a chleachdaidh a chearta co soilleir dhoibhsan d’ am b’ aithne e. Tha sinn an dòchas gu’m faigh e slàinte agus neart o shuas ’na dhol gu raointibh dorcha na talmhainn. Tha sinn toilichte chluinntinn gu’n d’ thug coithional Bhoghmòir an Ile o cheann ghoirid tiodhlac do ’n Urr. R. Mac Rath, mar thaisbeanadh air am meas agus an deadh rùn dha. Tha so a’ nochdadh, mar a tha iomadh d’a sheòrsa, far am bheil an spiorad ceart a’ rìgheachadh gu’m bheil e gu tric air aideachadh. Thug sinn iomradh cheana, agus bu mhaith leinn a chumail an cuimhne Gàidheil Glaschu na bheil d’ an luchd-dùthcha ’s a’ bhaile air tuiteam air falbh o mheadhona nan gràs. Tha mòran a’ tighinn do’n bhaile gach là—muinntir mìchùramach; agus cha’n’eil duine a’ feòraich ’n an déigh. Tha iad an ùine gheàrr a’ fàs cho dall agus cho cruaidh ris an talamh. Gheibh thu mar so na ceudan diubh am measg luchd-brisidh Sàbaid, misg, is droch cleachdaidhean eile; is gun iad a’ dorchadh dorus eaglais o cheann gu ceann de’n bhlidhna. Gu dé na h-oidheirpean a tha na h-Eaglaisean Gàidhealach a’ deanamh? [TD 137] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 9.] September, 1873. [LEABH. I. SABAT AN T-ARABIACH. [Dealbh] B’e Sabat mac Ibrahim Sabat, do theaghlach flathail an Arabia aig an robh sgeul air an sinnsre suas gu Mahomed. Bha caraid dlù aige d’am b’ainm Abdallah a bha mar an ceudna do theaghlach fiachail. Dh’ aontaich iad gu ’n gabhadh iad turus còmhla do thìrean cèin. Bha iad araon eudmhor anns a’ chreideamh Mhahomedach. Ghabh iad an turus troimh Phersia, agus an déigh sin chaidh iad gu Cabul. Bha Abdallah air a shònruchadh gu dreuchd stàtail fo righ Chabul, agus air do Shabat fhàgail, ghabh e air a thurus troimh Thartari. ’Nuair bha Abdallah aig Cabul chaidh iompachadh gus a’ chreideamh Chrìosduidh troimh leughadh Bìobuill a fhuair e an iasad o Chrìosduidh Armeniach. Ann an dùthchaichean Mahomedach is bàs do dhuine inbheach tionndadh gu bhi ’na Chrìosduidh. Dh’ fheuch Abdallah ri iompachadh a chumail am folach. ’Nuair nach ’b urrainn e so a dheanamh ni b’ fhaide dh’oidheirpich e teicheadh gus na h-eaglaisean Crìosduidh làimh ris an Fhairge Chaspiach. Chuir e e-féin ann an riochd eile agus dh’ fhàg e Cabul; agus ràinig e baile mòr Bhochara ann an Tartari. An sud cò choinnich e air an t-sràid ach a charaid, Sabat a dh’ aithnich e air ball. Chuala Sabat mu iompachadh is mu theicheadh is bha fearg air ri Abdallah. Thuig Abdallah a chunnart is thilg se e-féin aig casan Shabat. Dh’ aidich e gu rboh e ’na Chriosduidh, agus ghuidh e air air sgàth a chàirdeis a bha aon uair eatorra e leigeadh leis dol as le a bheatha. [TD 138] Thuirt Sabat féin, is e ’g ìnnseadh an sgeòil, “Cha do ghabh mi truas dheth. Dh’ òrduich mi do m’ sheirbheisich a ghlacadh, agus thug mi thairis e do Mhorad Shab, rìgh Bhochara. Thugadh binn a bhàis a mach. Chaidh gille-ruith troimh ’n bhaile a dh’ ìnnseadh àm a chrochaidh. Chruinnich sluagh mòr, agus daoine mòra a bhaile. Chaidh mi féin mar an ceudna agus sheas mi làimh ri Abdallah. Chaidh a bheatha a thairgse dha air chumha gu’n cùl-mhionnaicheadh e Criosd, is an crochadair ’n a sheasamh laìmh ris le claidheamh deas. ‘Cha dean,’ thuirt esan, ‘cha’n urrainn mi Criosd a chùl-mhionnachadh.’ Chaidh an sin aon de na làmhan a ghearradh deth aig caol an duirn. Sheas e daingean, gun ghluasad, is a làmh an crochadh ri a thaobh. Le toil an righ, thoilich Leigh an lot a leigheas ma’n àicheadh e. Cha d’ thug e freagairt, ach dh’ amhairc e dìreach suas air nèamh cosmhuil ri Stephen a’ cheud fhianuis, agus a shùilean a’ struthadh le deòir. Cha d’ amhaire e le feirg ormsa. Sheall e orm ach b’ ann le caomhalachd agus le aghaidh a bha fo shnuadh maitheanais. An sin ghearradh an làmh eile dheth. Ach cha d’ atharraich e—cha do ghluais e. Agus ’n uair a chrom e a cheann a dh’ fhaotainn a’ bhuille, shaoilteadh gu’n robh Bochara uile ag ràdh, Ciod an ni ùr a tha an so?” Bha dùil aig Sabat gu’n àicheadh Abdallah Criosd ’n uair a thairgteadh a bheatha dha; ach ’n uair a chunnaic e a charaid marbh thug e e-féin thairis do bhròn is do agartas-coguis. Chaidh e o àite gu àite ag iarruidh na síth sin nach b’ urrainn e ghabhail. Chaidh e do India fa-dheòidh. An sin fhuair e dreuchd mìneachadh an Lagh Mhahomedach fo ’n riaghladh Shasunnach. ’Na dhleasannas thàinig e trasta air Tiomnadh Nuadh a leugh e gu dùrachdach, ’g a choimeas ris a’ Khoran, am Bìobull Mahomedach. Thuit fìrinn an Fhocail mu dheireadh air inntinn, mar thuirt e-féin, mar thuil soluis. Goirid an déigh so chaidh e gu Madras, astar trì cheud mìle, gu bhi air a bhaisteadh mar Chriosduidh. An déigh aideachadh follaiseach chaidh a bhaisteadh leis an Urr. an t-Olla Kerr, fo ’n ainm Natanael, ’n a sheachd bliadhna fichead. ’N uair a chuala càirdean Shabat an Arabia gu ’n do lean e eiseimpleir Abdallah, is gu ’n d’ atharraich e a chreud, chuir iad a bhràthair do India a mhort. Bha Sabat ’n a shuidhe ’na thigh féin, is thàinig a bhràthair a stigh an cruth diol-déirce, is sleagh am folach aige fo fhalluinn. Thug e gu Sabat is lot se e. Ach ghlac Sabat a ghàirdean is thàinig a sheirbhiseich gu chuideachadh. Dh’ aithnich e ’n sin a bhràthair! Dheanadh sluagh an àite greim air a’ mhortair, ach chaidh Sabat às a leith, is chuir e dhachaidh e an sìth, le litrichean is le tiodhlacan gu tigh a mhàthar an Arabia. Bha Sabat a nis deònach air a bheatha a naomh-choisrigeadh do ghlòir Dhé. Leig e dheth an dreuchd a bh’ aige, agus chaidh e do Bhengal a chuideachadh eadar-theangachadh nan Sgriobtuirean. Sgrìobh e an sin leabhar no dhà. B’e ainm a’ cheud fhir “Deadh Sgeul air son Arabia;” anns an d’ thug e cunntas ealanta air gnè teagasg an t-Soisgeil, agus iomradh air iompachadh féin. Mu dheireadh na bliadhna 1807, chaidh egu Dinapore, agus cheangail e e-féin ri Eanruic Martin, am missionari, a bha ri saothair ’s an àite ud. [TD 139] Dh’ earb Mr Martin gu muinghinneach gu’n d’ fhuair e ann an Sabat fìor bhràthair ’s a’ chreideamh. Cho luath agus a ràinig e dh’ fhosgail e staid inntinn gu soilleir do Mhr Martin, a thubhairt mu dhéibhinn “nach b’ urrainn neach gun a mheas ’n a chomharra air cumhachd gràis agus gràdh a thoirt dà.” Tha an duine ag amharc air an taobh a mach, ach tha Dìa ag amharc air an taobh a stigh, Dh’ fhàg Martin diadhaidh còrsa na h-India ’s a’ bhliadhna 1811; is dh’ fhàg e an saoghal mu’n cuala e crìoch chlaointeireach, a dheisciobuil ghràdhaich Sabat. Ann an 1815 bhris Sabat a mach gu follaiseach an aghaidh an t-Soisgeil le leabhar salach a chur a mach, “ag àicheadh an Tighearna a cheannaich e.” Chaidh ràn feadh Chalcutta leis an sgeul—bha am fìrean fo bhròn—is an t-aingidh ri fanoid. Ruith Sabat air falbh á Bengal gu eilein Phenang. ’Na dhol o àite gu àite thòisich a mhaoin air falbh. Air an eilein so dh’ fhàs e an-shocrach, mi-fhoighidneach, is troimh-chéile ’s an inntinn. Theireadh e gur h-e thréigsinn air a’ chreideamh Chriòsduidh a dh’ aobharaich a thrioblaid. Mhiannaich e fhaotainn no gabhail ris ás ùr air son ruigsinn air fàbhar Dhé a rìs. Cha robh mionaid sìth aige, bha e ag ràdh, o’n sgriòbh e ’n aghaidh an t-Soisgeil ris an abradh e a “dhroch ghnìomh,” a rinn e troimh bhrosnachadh Shàtain. Ach ged bhiodh e nis ag aideachadh mar so an uilc a rinn e, ’s gu’n do ghabh e an creideamh Criòsduidh a rìs, cha do dhealaich e tur o na Mahomedich. Bhiodh e dol do na tighean aoraidh aca; is ’g a dhiòn féin le eiseimpleir Nicodemus a lean creud nan Iùdhach gu follaiseach ged bha e ’na dheisciobul aig Iosa. Ann an staid thrioblaideach theinnteach inntinn mar so dh’ fhàg e Penang a chuideachadh Rìgh Acheen ann an Sumatra an aghaidh ar-a-mach cuid d’a iochdarain féin. Anns an strìth a bha an sud rinn na naimhdean greim air Sabat, a ghléidh iad ’na phriosanach ré ùine gu cruaidh. Bha crìoch uamhasach aige; chaidh a cheangal suas ann an sac agus a thilgeadh ’sa’ chuan! Luchd-claonaidh o ’n chreideamh gheibh crìoch breitheanais. Chroch Iùdas e-féin; thuit Ananias is Saphira marbh aig casan nan Abstol; thilgeadh Sabat, ceangailte ann an sac ’sa’ chuan! “Co is urrainn spiorad briste a ghiùlan?” SÌNE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL VIII. Air an oidhche sin féin chaochail, a bhean uasal ghaolach agus cha d’fhan mise anns an tigh ach gus an robh an tìolcadh seachad. An sin a’ gabhail mo chead le iomadh deur do Shara an searbhanta a dh’fhalbh air an latha màireach do Chille-mhuine far an robh a càirdean uile a chòmhnuidh, chaidh mise an sin do m’ àite ùr. An uair a dh’fhàg mi Dunodhain lean mi air gul ré na slighe uile, ach air dhomh teachd dlùth air an tigh shiab mi air falbh na deòir agus dh’oidhirpich mi coslas ni bu toilinntinniche a chur orm féin. ’S e feas- [TD 140] gar bòidheach samhraidh a bh’ann agus bha Mrs Dùghlach ’n a suidhe air beulaobh doruis an tighe ag òl tì. Bha Seònaid Nic Dhòmhnuill mo sheana bhana-chompanach do nach faca mi ach beagan o na thàinig mi a dh’ionnsuidh Mhrs Grannd maille rithe. O so agaibh Sìne Chaimbeul, ghlaòdh Seonaid. Bhithinn ullamh arsa ise nam bithinn a’ t’àite gu bhi ro thoilichte Mrs Grannd fhaicinn ’n a luidhe gu h-iosal, oir feumaidh gu robh beatha eagalach throminntinneach agad maille ris an dithis sheana bhan sin. O cha robh, cha robh, thuirt mise, am feadh a thàinig na deòir a rìs am shùilibh, cha robh mi cho toilinntinneach aig àm air bith eile do m’ bheatha ’s a bha mi ré an dà bhliadhna chaidh seachad. Rinn Seònaid gàire. Ach, arsa Mrs Dùghlach ’s i ’g amharc orm anns an aodan, so so a nighean suath air falbh na deòir sin agus na faiceam tuilleadh dhiubh, oir cha’n’eil ni ’s am bith a mhilleas maise cosmhuil ri bròn is gul. ’S beag m’ eagal mu’m bi leth t’ ùine stigh leamsa nach faic mi òganach beothail á Dunodhain a’ teachd a’ d’ dhéigh le theanga mhilis. ’S cha’n’eil fhios ciod tuilleadh. Bha i dol air a h-aghaidh mar so ’nuair thàinig e m’ aire co minic a chuir Mrs Grannd air m’ fhaicill mi an aghaidh cainnt dhìomhain thruaillidh, agus a thuirt i rium gu robh gràin aig Dia dhiubh agus nam biodh dòchas agam dol do rìoghachd nèimh gu feumainn m’ inntinn a ghleidheadh o gach gné do smuaintean salach agus mi-naomha. Beannaich mise, ghlaodh, Seònaid, am faic sibhse cho stòlda ’s a tha Sìne ag amharc. Tha sinn an déigh nàire chur oirre a réir coslais, le ràdh rithe gu milleadh i ’bòichead le gul. Cha do chuir idir thuirt mise. Cha’n’eil mi idir air mo nàrachadh; ach o’n ’s i ’n fhìrinn a ’s feàrr, cha’n’eil mi buileach toilichte le bonn bhur seanachais, a Sheònaid. Chomharraich mo Mhrs Grannd chaomh a mach dhomh iomadh earrann anns na Sgriobturan naomha far am bheil e air earalachadh oirnn gun chainnt dhìomhain gun tairbhe thoirt ’n ar bilibh aig uair air bith. ’S urrainn domh ma thoilicheas tu na h-earrannan sin a leigeil fhaicinn diut am Bhìobull. Cha leig air sgàth maitheis arsa Mrs Dùghlach. O! cia dùrachdach a bha mi ’miannachadh nach robh mi ceangailte gu fantuinn maille ris a’ mhnaoi so. Nam biodh fios aig Mrs Grannd ciod a bha i, tha mi làn chinnteach gu’m b’ fheàrr leatha gu mòr m’ fhaicinn ann am uaigh na gu’n cuireadh i mi fo ’cùram. Ach bha daonnan deadh chliù aice, agus an làthair dhaoine uailse cha robh aon a b’ urrainn labhairt na b’ bheusaiche no na b’ chothromaiche na ise. ’Se an t-ath ni mu’n robh ’n seanachas rìomhadh. Bha Seònaid duilich nach b’ urrainn i trusgan sìoda cheannach, agus ars’ ise, cha bhi mi toilichte am feasda gus am faigh mi e. An sin a’ tionndadh riumsa, a Shìne, thuirt ise, cionnas a tha thusa dheth a thaobh aodaich? Am bheil gnothuichean rìomhach air bith agadsa r’ an sealltuinn duinn? Thig a nall ’s fosgail do bhocsa ’s leig fhaicinn duinn ciod a th’ agad ann. Ma ta, arsa Mrs Dùghlach, ’nuair a chunnaic i mothru sgain uile, cha’n urrainn domh gun ioghnadh a bhi orm gu’m biodh Mrs Grannd, a tha fìos aig gach duine a bha do theaghlach measail, toilichte le searbhanta mu ’timchioll air a còmhdach an trusganna cho cumanta riu sin. Gu [TD 141] dearbh, a Shìne, bhiodh do choslas mòran na b’ fheàrr nan cuireadh tu thu féin an òrdugh beagan ni b’ fhasantacha. Cha’n’eil ag nach d’ thug an t-seana bhean-uasal beagan airgid duit mu’n do chaochail i. A nis nan cosdadh tu beagan sgillean Sasunnach aig an fhaidhir a tha tighinn ann an ceannach pìosa riobainn aìr son do bhoineid; beagan cheartaichean air son do chlòchda, agus aparan fasanta no dhà, dh’ amhairceadh tu mar nach bu tu ’n té cheudna, agus bhìodh do choslas fichead uair ni b’ fheàrr air gach dòigh. Tha mì fiosrach gu bheil airgiod gu leòir agad ma thoìlicheas tu. Freagraidh mise air a son arsa Seònaid. Am faic sibh mar tha rugha tighinn ’na h-aghaidh, cha’n arrainn i àicheadh. ’S e so na th’ agam r’a ràdh. Ma ròghnaicheas i dol mu’n cuairt an trusgain cho cumanta riu sin, nach urrainn i fiuthair a bhi aice gu’m bi muinntir a chòmhdaicheas ni ’s measaile air am faighinn maille rithe. Cha mhòr nach robh m’ fhaighidin a nis air ruith a mach. Ach bha fios agam, cia cho fuathach ’s a tha gach focal feargach an sealladh an Dé sin a thuirt, “gu maitheadh e a mhàin peacanna na muinnteir sin a bheireadh maitheanas d’ an co-chreutairean ’n am peacanna ’n an aghaidh féin.” Cha d’ thuirt mi air an aobhar sin smid, ach a’ cur m’ aodaich a rìs am bhocsa dh’ fhan mi ’m thosd, am feadh a lean iad-san air tàir agus fanaid orm air son mo spìocaireachd; oir ’s e sin an t-ainm a thug iad do m’ dhiùltadh am beagan airgid a bh’ agam a chosd an rìomhadh gun fheum. CAIBIDEAL IX. Ma dheireadh ghabh Seònaid Nic Dhòmhnuill a cead; agus dh’ fheòraich Mrs Dùghlach an robh mi toileach dol a laidhe. oir gu’m b’éigin domh bhi moch air mo chois chum m’ oibre. An sin threòraich i mi do sheòmar shuas an staidheir. Bha ’n seòmar so cho beag ’s gur gann a chumadh e ach mo leaba bheag agus am bocsa ’s an robh m’ aodach. Gidheadh bha e ’n a chomh-fhurtachd mhóir dhomh, àite bhi agam ris am faotainn m’ àite féin a rádh. Agus gus am faotainn dol an uair a gheibhinn tacun fois a leughadh mo Bhiobuill, agus a mheòrachadh air mo chaithe-beatha ré an latha. Ach chum nach dean mi mo sgeul tuilleadh a ’s fada ’s éigin domh ràdh nach robh mo bheatha idir cho neo-chomhfhurtail ’s a bha dùil agam an tòiseach a bhiodh i, oir bha mo bhana-mhaighstir am bithcheantas o ’n tigh. A thaobh ’s gu’n rachadh agamsa gun ach beagan dragh air a’ chuid mhòir do ’n obair a bha stigh a dheanamh, b’ àbhaist di gu minic dol do thighean dhaoin-uailse ’s a’ bhaile ’s mu ’n cuairt deth a dh’ iarnachadh, air chor ’s nach robh agamsa ach beagan d’ a comunn ’s do ’n t-seanachas fhaoin sin a bha cho searbh leam an uair a bha i aig an tigh. Gun ag cha do ghnàthaich i iomadh uair mise mar bu ghnàth le m’ Mhrs Grannd mhilis agus le Sarah a dheanamh, ach cha ruig sinn a leas a shaoilsìnn gu faigh sinn gach ni leinn ’s an t-saogal dheuchainneach so a réir ar miann. Bhiodh Mrs Dùghlach air uairean cho saor ’s cho caoimhneil rium ’s ged a bu mhi a h-ighean ’s cha b’ e searbhanta. Agus an sin gun fhios c’ ar son dh’ fhàsadh i neo-thoilichte gruamach, agus [TD 142] bhiodh i tur neo-chomasach a toileachadh. Ach bha deadh chuimhne agam air briathra Pheadair, agus bha mi, tha dòchas agam faighdineach, “A sheirbhiseacha bithibh umhal d’ ar maighstiribh leis gach uile eagal, cha’n ann a mhàin doibhsean a tha maith agus ciùin ach mar an ceudna dhoibhsean a tha olc agus ana-méineach; oir a ta so cliù-thoillteanach ma dh’ iomachaireas neach air bith doilgheas air son coguis, a’ fulang gu h-eucorach, oir ciod an t-aobhar molaidh a ta ann, ma ’s e an uair a ghabhar oirbh air son bhur cionta gu’n giùlain sibh gu foighdineach e; ach ma ’s e an uair a ta sibh a’ deanamh maith, gu’n giùlain sibh i gu foighdineach, tha so taitneach do Dhia, oir is an chum so a ghairmeadh sibh:” Bha mi umhal do m’ bhana-mhaighstir ’s gach ni dh’ iarr i co-dhiù bha iad sin reusonta no mì-reusonta ach ’s na nithean sin ’s an robh i cho fada air seacharan ’s gu robh ùmhlachd d’ a h-aithne ’na pheacadh. ’S minic a dh’ iarr i orm dol maille rithe gu foraraidhean, agus gu cuideachdan sùgraidh air latha na Sàbaid an àite dol do’n eaglais; ach cha do ghéill mi riamh dhi, ni mò cheannaichinn am feasd ball do aodach rìomhach g’ a toileachadh. Cha deach mi riamh do Dhunodhain, ach ’nuair a chuir i ann air ghnothuch mi, agus an sin sheachainn mi gach cuideachd le mi uile dhìchioll. (Ri leantuinn.) TIGHNACLOICHE. II. Is e duine uasal iriosal truacanta bh’ ann am Mr Tearlach. Cha do bhleth e riamh eudanna nam bochd, ’g an spùinneadh a mheudachadh a mhaoin féin; ni mò a dh’ atharraich e an seann chomhara-crìche a shuidhich ’aithriche a’ cur achaidh ri achadh, a’ bristeadh a steach air fearann nan dìlleachdan agus nam bantrach. Bha e a’ creidsinn gu’n tigeadh sliochd an fhir a chreachadh an truaghan gu deimhin gu h-uireasbhuidh, agus gu’n tigeadh an tighean mòra maiseach gu bhi ’n an nochd-làraichean loma. Oir tagraidh Dia cùis nam feumach agus bheir e sgriob-lom air anam na feadhainn a bheir uapa an leaba ’ta fodhpa. B’e Fear a’ Bhaile seachdamh mac an t-seachdaimh mic. ’Se fine giorr-shaoghalach diombuan a bha ’s an dream dhaoine o’n d’thàinig e. ’Se dìlleachdan a bh’ ann féin. Bha ’athair ’s a mhàthair, a dhà phiùthraig bhig, is a sheisear bhràithrean adhlaicte taobh ri taobh an cladh Chill-a-rudha. Cha do phòs Mr Tearlach riamh. Ach air d’ a dhìllsean gràidh a bhi nis ’n an sìneadh fo’n fhòid ròghnaich e cairtealan a ghabhail maille ri Rob Ruadh ann an Tighnacloiche far an robh gu leòir do sheòmraichean mòra farsuinn. Bha Rob a nis air àrdachadh gu bhi ’n a mhaighstiroibre thairis air a chomh-oibrichean. Ged fhuair e an ceum so air aghaidh cha’n aithnichte air e; oir aig a’ bhaile agus o’n bhaile bha Rob còir ’g a chur fèin an comh-inbhe ris na seirbhisich. Cha robh e riamh ’n a sheirbhiseach shùl. Bha e coguiseach dìleas d’ a mhaighstir, maith do ’n luchd-obair, gun bhi [TD 143] uair air bith ’g an casaid no ’g an cùl-chàineadh. Air dha bhi ’n a dhuine crìonna glic bha e ro mheasail aig Fear a’ Bhaile, agus fo dheadh chliù aig na seirbhisich. Bha aig Mr Tearlach mòran nì, crodh is eich, caoraich is gabhair. Bha Tighnacloiche fathast gun bhean-tighe. Bha’m fearas-tighe maith gu leòir; ach cha robh am banas-tighe idir cho cùramach, pongail ’s a dh’ fheudadh e bhith a thaobh e bhi ’n còmhnuidh an crochadh ri searbhantan. Mu’n chùis chuir Mr Tearlach is Rob an cinn r’a chéile, agus ’s e ’n comh-dhunadh gus an d’ thàinig iad gu’m b’ fheàrr dhoibh ban-stiùbhard fhaotainn air am bitheadh cùram an tighe agus nan searbhantan. An là ’na dhéigh so bha Rob a’ ceartachadh nithean mu thigh nan gillean, ’s cò bhuail a stigh le ’lorg ’n a làimh ach Para Beag ’s e sgìth acrach an déigh cuairt a chur air na caoraich. “A Phara cìobair, a charaid,” arsa Rob, “nach tu tha fada an diugh gun tighinn dachaidh gu d’ bhiadh.” “Is mi,” arsa Paraig, “tha na h-uain laga ud fathast cho draghail.” “Ach am bheil fios agadsa, a Phàraig,” thuirt Rob, “c’àite am faighinn-se ban-stiùbhard air son Thighnacloiche?” Rinn an cìobair sméide gàire, ag ràdh “mo riar féin cha’n’eil. Nach feàrr do fhear agaibh pòsadh.” Dh’ aithnich Rob blàth na deoch air Pàraig ’s thuirt e ris “suidh a bhrònain bhochd ’s gabh do bhiadh, ’s dean luchdan beag cadail as a dhéigh. Chi mi rithist thu.” Bha dibh-làidir ’na ribe do’n chìobair, agus gu dearbh cha robh i duilich a faotainn aig an àm ud. Bha togail is grùdaireachd liònmhor thall ’s a bhos feadh an eilein. B’ aithne do’n chìobair c’aite an robh bothain uaigneach nam poitean-togalach, dubh is ruadh, an sud ’s an so ann an glacaibh na beinne. O’n bha grùdairean nan gleann eòlach air Pàraig ’s a bha barail aca nach brathadh e iad gheibheadh e làn na cuaiche bige as an adhairc mhòir chruim a bha daonnan faisge làimh ann an dall-uinneig an tigh-thogalaich. Thàinig blaiseamachd a’ chìobair gu misgeireachd mar chi sinn ’na dhèigh so ann an eachdraidh Phàraig. Ach gu pilltinn ri m’ sgeul. Cha d’ thuirt an cìobair dùrd, shuidh e, ’s ghabh e ’bhiadh, ’s rinn e clò-cadail car tacun air an stòl mhòr a bha os ceann cagailt thigh nan gillean. Dhùisg Pàraig fadheòidh ’s e car iarguinneach, iomcheisteach gu’n do dh’ fhairich Rob fàileadh an uisge-bheatha dheth. Cha do ghabh e bheag air, ’s choisich e sìos do’n chlaigionn far an robh Rob is an luchd-obair a’ gart-ghlanadh a’ bhuntata. Smeid e air a’ ghnìomh ’s dh’iarr e maitheanas air air son gu’n do ghabh do’n deoch na dh’fhàg e luath-bheulach abuich ’s an teangaidh. Dh’ achanaich Rob air gu mìn càirdeil e ’stad do’n òl; oir gu’n teumadh misg mar nathair, agus mar rìghnathair gu’n sàthadh e a ghath: ag ràdh, gu cothromach, neo-sgàthach gu’m ’b i oighreachd a’ mhisgeir, truaighe is bròn, connsachadh is gearan, lotan is deirge shùl, bochdainn is luideagan. Thug an ciòbair buidheachas do’n ghniòmh ’s gheall e nach blaiseadh e deur tuilleadh. “Tha mi nis air tighinn gu m’chuimhne, agus tha dùil agam,” arsa Pàraig, “gu’n d’ fheòraich thu dhiom ’s a’ mhaduinn, an robh brath agam c’ àite am faigheadh tu boireannach deanadach glic a dheanamh [TD 144] banstiùbhard ann an Tighnacloiche. Ma ta a Rob cha’n fhiosrach mise nighean a ’s feàrr no a ’s freagaraiche na Mairi Bhàn, Airidh-dhubhairidh. Tha làmhan maith aice, ni i an caol ’s an garbh, a stigh ’s a muigh. Tha ni eile a thaobh Mhairi a chòrdas riutsa, Rob, tha i ag aideachadh cosmhuil riut fèin. Nach cuala thu, arsa Pàraig, gu robh i ’n a banaraich aig Tighearna Dhiùra, ’s gu’n d’ fhàg i e a chionn gu’m b’ éigin di a bhi a’ deanamh càise agus a’ glanadh na bàthach air latha na Sàbaid.” “Tha eòlas iomradh agam,” arsa Rob, “air Mairi Bhàn, ach shaoil mi gu robh i an dràsd aig Mr Ròs, ministeir Chille-coman, a’ freasdal do’n bhord.” “Dh’ fhàg i am ministeir,” arsa Para Beag, “oir chunnaic mise i a’ tighinn dachaidh latha margaidh a’ Chaoil. Cha’n’eil dad agam fein ’n a h-aghaidh,” arsa esan, “ach gu bheil i rud-éigin neònach ’n a dòigh. Latha ’a mhargaidh cha rachadh ise cosmhuil ris a’ chlann-nighean eile aon chuid a stigh do Thigh-òsda a’ Phuirt, no idir air an lobhta dhannsaidh.” Thuirt an gnìomh ris a’ chìobair, “Ged nach deanamh Mairi Bhàn na nithean sin, am bitheadh tu deònach a gabhail mar bhana-mhaighstir?” “Is mi bhitheadh,” arsa Pàraig, “’s i boireannach cneasda mar sud a dh’ fheumadh a bhi’ ’n taice gaothran cosmhuil riumsa.” Chòrd briathran seadhail a’ chìobair gu mòr ris a’ ghnìomh. Dh’ innis Rob do Fhear a’ Bhaile an teisteanas cliùiteach a thug Para cìobair air Mairi Bhàn Airidh-dhubhairidh. Dh’ aontaich iad gu rachadh Pàraig a thoirt fios do Mhairi tighinn a chainnt riu gu Tighnacloiche an uair a bhitheadh e toirt sgrìob feadh nan caorach ’s a’ mhaduinn. Cha bu ruith ach leum leis a’ chìobair dol air an turus thaitneach so. Dh’ éirich e moch ’s a’ mhaduinn fada roimh latha, agus sgioballaich e a ghioball uachdair uime ’s dh’ fhalbh e le ceum eutrom, sùnndach a suas Leac-an-daraìch, is bràighe Dhùin-Bhrusgaig gus an do ràinig e Airidh-dhubhairidh. Dh’ innis e do Mhairi Bhàn brìgh a thuruis. Dh’ èirich ise ’s an tiota bha i deas a dhol air ceann a slighe; oir cha robh feum aice air fuilteana, no air gruag-chasadh, no air soireachan-coltraich, no idir air brata-sgàile agus air usgaraichean ’s am bith gu a deanamh sgiamhach. Gun rìomhadh bha i rìomhach. Bha i cuimir seòcail ’na pearsa; ach bha maise na naomhachd ’na h-anam a’ toirt bàrr air so uile—“an sin bha ’m brat do obair ghréis le snàthaid.” Theireadh muinntir a’ Ghlinne féin nach robh leithid Mhairi Bhàn Airidh-dhubhairidh a’ dol a stigh air dorus eaglais Chil-a-rudha. ’N uair ràinig Mairi Tighnacloiche bha làmhan sgaoilte roimpe. Ghabh i cùram an tighe uirre gu ceann bliadhna. ’N uair bha Pàra Beag a’ tighinn dachaidh, cò choinnich e ach Mr Mac Mhuirich, ministeir, Chill-a-rudha. “Seadh, a Phàraig, c’ àite an robh thu an diugh,” arsa am ministeir, “nuair nach d’ thug thu sùil air a’ chrodh fad ’na maduinn, bhris iad an gàradh-droma, ’s bha iad air a’ chrìch agam-sa ré na h-oidhche.” Cha d’ fhuair an cìobair bochd deò a ràdh, mar a thuirt am ministeir mòr ris an corruich, “Thoir thusa a dhuine gun mhodh, gun sgoinn fios bhuamsa gu [TD 145] Rob Ruadh mur tog e an gàradh-criche, ’s mur cum e a chuid spréidh aige féin, gu’n croch mise e cho árd’s nach ruig saighead o ’n diabhol air.” “Gu dearbh le’r cead, a mhinisteir,” arsa Pàraig, “’s mise tha cinnteach gur h-e Rob a bhitheadh fad ’n ’ur comain nan cuireadh sibh e cho fada sin o ’n bhéisd. “Stad do d’ bhraoisgeas, a Phàraig, ’s thoir an aire gu dé tha mise ag ràdh riut.” arsa am ministeir. Thog Rob is a dhaoine gach mìr brìste do’n ghàradh cha’n éisdeadh am ministeir ri a earrann féin deth a thogail. Bha Mairi Bhàn a’ deanamh gnìomh deadh bhean tighe an Tighnacloiche. Bha bhuil so air an tigh. Bha gach deasalachd air son latha an sàbaid air an deanamh déigh mheadhon latha Di-sathuirne; mòine ’s uisge air an toirt a stigh, buntàta air a nigheadh, brògan air an glanadh, ’s an luaith air a cur mach. Cha mhò chite air latha an Tighearna aodaichean a mach a’ tiormachadh air cuird no air blàr. So gnìomharan de ’m bheil mòran do mhnathan tighe na linne so cionntach. Phòs Pàraig a nis Seònaid Nic-a-Bhruthain a bha ’n Caonagairidh. Dh’ fhàg e Tighnacloiche ’s ghabh e tigh làimh ri drochaid Mhuileadaraidh. Fhuair e obair ’s an Tigh-ghrùdaireach a bha ’n cois na h-aimhne faisg air an drochaid. Dh’ fhàs e nis ro throm air an deoch. Thàinig measarrachd gu mi-stuamachd mar a thà ’n còmhnuidh a’ tachairt. ’N uair chunnaic Seònaid a’ chluiche bh’ aig Pàraig thuirt i ris gu feumadh ise mur stadadh esan do’n òl làn na cuaiche gach latha cho maith ris féin, air neò trì sgillean de airgiod. Chuir so gruaim is mùig air Pàraig; oir ged bha e féin déidheil air an deoch cha bu mhaith leis dà cheann an tighe bhi r’a theinidh. Gidheadh b’ fheàrr leis trì sgillean ’s an latha a thoirt do Sheònaid na sgur do’n mhisg e féin. Luidh a’ chùis mar so gu ceann bliadhna. An àm iomchuidh rugadh mac òg do Phàraig. Bha e nis ’na éigin, cha robh fios aige dè mar a gheibheadh e baisteadh do leanabh. Smaointich e gu’m bruidhneadh e ri Dòmhnul Sgoilear am foirfeach. Rinn e so. Chomhairlich Dòmhnul da tiodhlac uisge-bheatha! a chur a dh’ ionnsuidh a’ mhinisteir, ’s nach b’ eagal da. Chaidh so a dheanamh, ’s bhaist am ministeir Rob beag gun ghuth gun chronachadh! Air latha ceann na bliadhna thàinig Pàraig a stigh ’s a’ mhaduinn gu ’bhiadh. Bha ’n tigh sguaibte tìreil, le teine fonnor air meadhon an làir. Bha Seònaid ’s Rob beag air a glùin, ’s am biadh air a’ bhòrd. Shuidh iad ’s ghabh iad am biadh. ’N uair bha so seachad, thuirt Pàraig ’s e ’g amharc le toileachas air Seònaid “’s e ’n diugh cothrom an latha a phòs sinn nam bitheadh airgiod agamsa rachamaid sgrìob a sìos gu Tigh-Ile.” “Nigh thu féin,” arsa Seònaid, “seasaidh mise ’n cosdas.” “Thusa,” arsa esan “an ann le trì sgillean an là ’n diugh. Chuir Seònaid a làmh an toll air bàrr a’ bhalla ’s thug i nuas mogan, ’s thaom i mach air a’ bhord trì sgillean mu choinneamh gach latha ’s a’ bhliadhna. Ghabh Pàraig mòr nàire deth féin, ’s thuirt esan “cha d’ òl thusa a Sheònaid a ghràdh, ni mò a dh’ òlas mise a so suas.” Ghleidh Pàraig fhocal. Thug iad leòtha Rob beag, ’s chaidh iad a chur fàilte air Rob Ruadh gu Tighnacloiche. An Fhàrdach Fhroinich Ile, Ogust, 1873. Is mise, Fhir-ullachaidh Sheirceil Bhur Seirbhiseach dìleas. S. L. [TD 146] MR. RUAIRI. Le D. Macphail. Rugadh Ruairi, am mac a b’oige do theaghlach an Urramaich Calum Mac Leoid, ann an Gleannaltin an sgireachd Shnisoirt, anns a bhliadhna 1794. Thug a dhualchas agus a ghineamhuinn aite seasaidh ard dha am measg a chomhaoisean anns an sgoil agus anns an Olamhait; agus bu leoir a dhuinealas nadurra fein gu a dheanamh comasach air an aite ud a ghleidheadh. Thaisbein e ’na fhior-oige, comasan inntinn a bha comharraichte: anns an sgoil bha Ruairi Mac Leoid air thoiseach anns na h-uile ni; o làithean a leanabaidheachd, dh fheudta ann an seadh cleachdail a chàramh ri taobh Nelsoin gaisgeach a chuain do, nach b’ aithne riamh ciod e eagal, agus lean a bhuaidh ud do’ chaileachd nadurra’ inntinn ris, gu latha ’bhais, agus bha feum aige orra; Agus nuair a thainìg an-tam ’s am be toil an Tighearna a ghaìrm le a ghras, gu bhi foillseachadh a Mhic ann, bha a bhuaidh so do chliu Mhr Ruairi air a coisrigeadh leis, maille ris gach comas eile a bhuineadh dha, do sheirbhis a Thighearna agus a Mhaighistir—Ann san Olamhait, thainig e ann an uine ghearr gu bhi na fhoghlumach ainmeil: Thug Principal M‘Leoid, fear-cinnidh agus caraid athar, mor aire dha, agus mhisnich e athair gu ard-dhochas altrum da thaobh; chan eil e ro shoilleir ciod ant-am san do shuidhich e ’inntinn air dreuchd na ministreileachd, ach tha e air a radh, nach cuireadh neach air bith da ’m b’ aithne e aig an am ud, dad do theagamh nach togadh a thalantan suas e gu ard inbhe ann an gairm air bith air an suidhicheadh e inntinn. Bha a bheachd-sul cho clis, bha e cho daingean neoghluasadach na chomhdhunaidhean, agus cho ealamh neosgathach ann an coimhlionadh a ruintean, agus gun robh e air a mheas anabarrach freagarach airson seirbheis na saighdearachd, agus bu tric a dh’ aidich e fein, gum bi sud a ghairm air an robh inntinn suidhichte ann an lathaibh aineolais; agus mar thoradh air a dhanachd neosgathach aig an am ud, bha e air a mheas nach robh maraiche no stiuradair bata san Eilein Sgiathanach a thigeadh suas ri Mr Ruairi; agus bha sud na aobhar eagail agus iomaguin do theaghlach athar; ach bha laithean a b’ fhearr air thoiseach air. Goirid an deigh dha dol troimhe a chursa ann san olamhait, fhuair e cead searmonachidh o chleir an Eilean Sgiathanaich, agus cha b’ fhada gus an robh e air a shonrachadh le comunn an ard sheanaidh a bha thairis air an Toìrbheartas Rioghail gu bhi na theachdaire ann an Lyndale, cearna iomallach a bhuineadh do sgireachd athar. Re na h-uine; bha e fuireach ann an tigh athar, oir le dol thairis air loch a bha eadar Snisort agus Lyndale bha e na chomas frithealadh air an, t-seirbheis ann an Eaglais Lyndale agus tilleadh gu a dhachaidh san fheasgar. Air dha bhi air a shonruchadh gu teachdaireachd Lyndale, ’se ’cheud ni a rinn e, bata math, ann an rogha gach iudheam, le sgioba taghta, ullachadh airson na seirbheis, agus is tric a dh ’aidich e fein gun robh am bata agus an sgioba agus ant-iomlan da h-uidheam, a bha fada air thoiseach air gach bata a bhuineadh don eilein aig an am ud, gun robh na nithibh ud a luidhe gu mor ni bu [TD 147] dluithe air intinn na bha obair na ministreileachd. B’ i’ am bata, an sgioba, agus an t-seoladaireachd a b’ iodhol dha. Ach eadhoin aig an am nd, bha e ro-choguiseach ann an coimhlionadh a dhleasdanais, ann san t-seadh laghail agus litireil; bha a shearmoinean air an ullachadh leis gu coguiseach, agus le sar-churam; agus chan eil teagamh nach robh e a fas ann an eolas air teagasg sgriobturail soisgeulach. Bha bean uasal araidh d’ am b’ abhaist a bhi ga eisdeachd aig an am ud boirionnach comharraichte; agus bu tric a theireadh i, Gun robh i cluinntin rud eigin ann an searmoinean Mhr Ruairi, nach robh i faotainn ann an searmoinean ministeir air bith eile. Bha e cridheil eutrom aig an am ud, agus ro mheasail aig uaislean an Eilein, oir bha e ro uasal agus taitneach na ghiulan. Bha a ghradh d’ a pharantaibh ro chomharraichte, bha e gu mor fo smachd ughdarais agus comhairlean athar; do a mhathair, a bha na boirionnach urramach ann am beatha na diadhachd, bha dian ghradh agus mor-urram aige. Bha a mhathair na h-iodhol do ’n mhac agus bha am mac na iodhol do’n mhathair; chaochail ise, goirid as déigh dha bhi air a shuidheachadh ann an dreuchd na ministrileachd, an dreuchd sin a bha i riamh a runachadh air a shon. Bhuanaich Mr Ruairi a dha no tri bhliadhnachan ann an teachdaireachd Lyndale. Bha e soilleir gun robh nithibh spioradail uigh air uigh a faighinn buaidh air inntinn: ged a bha e ’g an cumail folaichte omhuinntir eile; agus mar bu mho bha na nithibh ud a foatainn buaidh air, is ann ’bu duinte a bha e ’gan cumail na uchd féin. Ach nuair a thàinig an t-am ann san do runaich an Tighearna a ghairm, bha am meadhoin sonruichte on leth a muigh, mar a leanas. Bha an t-Urramach Iain Shaw na mhinisteir ann an sgireachd Bhracadail aig an am ud, duine ro-dhiadhidh, agus seirbheiseach dileas do’n Tighearna, chaidh Mr Ruairi ga fhaicinn, agus air dhoibh a bhi ’comhradh ri cheile mu leabhraichean air diadhaireachd, thug Mr Shaw a stigh leis e d’a sheomar leabhraichean, agus dh’ iarr e air sealltuinn mun cuairt, agus thuirt e ris gum be a dhi-bheatha gu leabhar air bith a roghnaicheadh e, a ghabhail air iasachd cho fad ’s bu mhiann leis. Leag Mr Ruairi a shuil air Leabhar d’ an ainm “Bellamy’s Christian Religion delineated,” se sin “Dealbh tharruing air a chreidheamh chriosduidh,” Ghlac e an leabhar, agus ars’ esan, So an dearbh leabhar a tha dhith orm, chuir e na phoca e, agus thug e leis gu’ dhachaidh e; Rinn an leabhar ud greim air; bha e ann an dian-shas ris; Rinn gras tearnuidh greim air; Bha nis dearbhadh agus geur-mhothachadh peacaidh a doirteadh a stigh gu h-eifeachdach air anam. Bha e soilleir a nis gun robh Fear-teagaisg an ionaid naoimh agus an comhfhurtair a saoithreachadh air àn duine o’n leth a stigh—cha robh cleth air a chuis. Bha e soilleir o’n atharrachadh a thainig air a chomhradh agus air a ghiulan gun robh anam air a thoirt gu aithreachas agus gu umhlachd. Bha an duine nuadh a nis ri fhaicinn; Bha an t-atharrachadh air a ghiulan agus air a chleachdaidhean gu h-iomlan, anabarrach comharraichte. Bha a Shearmoinean a nis nan teagasg ur; agus eud na eud, laiste; cha bu leoir a nis seirbheis ghnathaichte na sabaid; bha ioma coinneamh teagaisg agus earaileachaidh air an cumail re na seachduin. Bha a chaithebeatha gu h-iomlan nuadh. Mheudaich a shaothairean. [TD 148] Thainig am dusgaidh spioradail; bha gach coinneamh air an domhlachadh, agus cha b’ ainneamh iad—agus tha ioma anam fhathasd beo, agus beo gu spioradail, is urrainn a radh gur ann aig na coinneamhan ud a thainig iad an toiseach fo bhuaidh na firinn. ’Is airidh air iomradh e, mar ni ’bha cliuteach dà dheagh athair, gun d’ thug e lanshaorsa do Mhr Ruairi gu bhi saoithreachadh thar fad agus leud na sgireachd, ach cha b’ fhada gus an do nochdadh nach robh an t-saorsa cheudna gu bhi air a ceadachadh dha ann an sgireachdan eile san Eilein Sgiathanach. Tha e feumail gu bhi cur beatha Mhr Ruairi f’ar comhair ann an rathad rianail, beagan a radh mu neach comharraichte eile, duine a bha iosal na inbhe, ach gidheadh aig an robh seasamh eagsamhail follaiseach san Eilein Sgiathanach, ach gu hāraidh ann an Sgireachd Chille Mhuire, d’am buineadh e, Be sud Domhnull Munro, ris an d thainig Mr Ruari gu bhi ann an daimh ro chairdeil, nuair a bha Domhnull mu cheithir bliadhna deug a dh’ aois, chaill e a leirsinn gu buileach ann an galar na Brice—bha e na dhall am fad ’s bu bheo e. Fo ’n deireas ud, air dha ’bhi bochd na chrannchur, dh ’ionnsuich e an fhidhleireachd, ealdhain ann san robh e ro theoma—agus leis an robh e ’cosnadh a bheolaind:—Bha ant-Urramach Domhnull Martin, aig an am ud ann an Sgireachd Chille-Mhuire, agus bu duine diadhidh e. Bha am fidhleir dall na fhear—eisdeachd bunailteach fo Mhr Martin, rinn a theagasg tomhas do dhrughadh air Domhnull air chor agus gun d’ thainig e gu bhi na fhear cronachaidh do luchd brisidh na sabaid, &c., ach b’ ann fo eisdeachd aon do theachdairean nan Haldanes a bha e gu h-eifeachdadh air a dhusgadh, Rinneadh duine nuadh dheth—agus bha a ghiulan cho cosheasmhach ri ’aideachadh, ’s gun d’ fhuair Mr Martin dha bhi air a shuidheachadh na fhear-ceasnachaidh ann san sgireachd. Thug e suas an fhidhleireachd mar ghairm, agus thainig e gu bhi na fhear shothreachaidh dileas agus buadhach ann san fhionlios. Air do Mhr Martin a bhi air atharrachadh do bhaile Iònarnish—thainig ministeir eile na aite, fear do nach b’ aithne Ioseph—agus d’ àn robh saothairean agus cliu Dhomhnuill Mhunro, neo thaitneach. Cha b’ fhada gus an do bhagair e air Domhnull gum briseadh e ’aran air, Ro mhaith, arsa Domhnull, “Tha sinn a leughadh an sa Bhiobul mu neach a bh’ air a bheathachadh leis na fithich, nuair a dh’ fhagadh gun aran e.” Bha Domhnull gun dail air a chur a mach as a dhreuchd agus as a bheolaind ann an Cillemhuire, ach cha d’fhagadh gun aran e, ach cha b’ iad na fithich a rinn cobhair air, ach bean uasal dhiadhidh, a sholair dha tigh agus croit am fad ’s bu bheo e, ann an sgireachd Shnisoirt. Cha d’ thàinig claonadh no lasachadh air eud diadhaidh Dhomhnull. Bha e dol mun cuairt a deanamh maith. Thog sluagh na sgireachd ud tighcoinneamh air a shon, ann an àite meadhoineach am fagas da bhothan fèin, far an robh coinneamhan urnuigh agus earalachaidh air an cumail suas leis, aig a chuid bu lugha, aon uair ’s ant-seachduinn, ach aig amaibh air gach la don’t-seachduin. Tha cuid fhathasd beò, gu bhi toirt fianuis a thaobh an tighe ud. gun d’ rugadh am fear so, agus am fear ud eile an taobh a stigh d’ a bhallachan. Cha b’ fhada gus an d’ thàinig Domhnull Munro gu bhi na dhuine aithnichte air feadh a chuid bu mho do’n Eilein Sgiathanach. Thàinig e gu bhi air aideac- [TD 149] hadh mar Shoisgeulach leis a chuid bu mho don’t-sluagh; agus is ni mu nach eil teagamh air bith, gun robh a shaothair gu mor air a beannachadh. Bha a ghibhtean agus a chomasan inntinn anabarrach comharraichte. Cha b’ aithne dha riamh leabhraichean a leughadh, ach thog e ant iomlan de na sgriobturan air a chuimhne. O thoiseach Ghenesis gus an cabidil mu dheireadh do leabhar an Taisbeanaidh, dh’ aithriseadh e gach caibidil agus rann na ’n àite féin. A bharr air a bhi mar sud, cumhachdach ann ’s na sgriobturan, bha breithneachadh agus solus iongantach aige mu fhirinnean an t-soisgeil, agus comasan eugsamhuil ann an cochur na firinn. Bha ant-ard mheas a bh’ aig an t-sluagh air, neothaitneach do chuid; agus bha a luchd-leanmhuinn air an caineadh, agus air am meas mar bhaoth-chreidmhich; cha bu chompanach Domhnull Munro do dhuin uasal air bith; ann an laithean ’aineolais, cha mho a bu chompanach e do Mhr Ruairi. Bhiodh Domhnull, air uairibh, fo a eisdeachd air ant-sabaid ann an Lyndale, agus is ni comharraichte e, eadhoin aig an am ud, nach bu toigh leis gu’n cluinneadh e neach air bith a labhairt gu suarach mu Mhr Ruairi. Aig am araidh, air do chomhlan sluaigh a bhi an cuideachd Dhomhnuill air an rathad gu tigh na coinneamh, chunncas Mr Ruairi a tighinn on mhonadh, na uidheam seilge, le ’choin eunaich as a dheigh, sa ghunna air a ghualainn. Thuirt aon do’n oigridh ri cach—“Nach faic sibh Ruairi dubh.” Thionndaidh Domhnull orra le geur-chronachadh. “Sguiribh ars’ esan d’ ar fanoid air an oganach ud, tha latha gu tighinn ann ’snach abair sibh Ruairi dubh ris, ach Ruairi geal.” Agus nuair a thainig an la ann san d’ thainig Mr Ruairi gu bhi na dhuine nuadh, gheibhte Domhnull gu tric na chuideachd ann am Manse Shinsoirt, agus cha b’ ainmig a gheibhte Mr Ruairi na fhear-tathaich ann am bothan diblidh Dhomhnuill Mhunro:—Cha ruigear a leas a radh, nuair a thainig atharrachadh, cha b ann air beachdan Mhr Ruairi, ach ain an duine ón leth a stigh agus ón leth a muigh, gun tug an’t-atharrachadh ud oilbheum do’nt-saoghal, agus gun robh e nis air a mheas mar bhaoth-chreidmheach; agus gun robh a chompanas ri Domhnull Munro na dhiteadh sonruichte ’na aghaidh; Nuair gheibhte coire dha air a bhonn ud, ’Se a fhreagramh e, le fiamh ghaire air a ghnuis—“Tha fiughair agamsa, a bhi caitheadh na siorruidheachd ann an cuideachd Dhomhnuill Mhunro.” Chan eil teagamh nach robh comhluadar an duine ghrasmhor iongantaich ud na bheannachd do Mhr Ruairi, agus na mheadhoin neartachaidh dha ann sna ceumanaibh nuadh air an d’ intrich e. Agus is ni comharraichte e ged nach robh lamh aig Mr Ruairi e fein ann sa chuis, gum bheil an Eaglais, an tigh sgoile agus Manse na h-eaglais shaoire ann an sgireachd Shnisoirt, air an togail air an dearbh laraich air an robh tighcoinneamh Dhomhnuill Mhunro, “ri taobh aibhne far am b’ abhaist urnuigh a bhi a air a deanamh.” GAIDHEIL GHLASCHU. Uasail Chliùitich,—Tha sibh gu dìleas a’ cur an ath-chuimhne chàirdean nan Gàidheal cor spioradail an co-luchd-dùthcha ’s na bailtean mòra. Cha’n’eil iad líonmhor ’nar là-ne a ghabhas taobh a’ Ghàidheil gu sònruichte an cùisibh na diadhachd, na stuamachd is na moraltachd. Tha [TD 150] daoine ’tha ag itheadh de aran nan Gàidheal aig am bòrd a’ togail an sàil ’n an aghaidh, agus le pòig ’g am brath a los an sguabadh á tìr an dùthchais; no g’ an iomain ás a’ Ghàidhealtach gus an cròdhadh do na bailtean mòra. Tuilleadh sùil cha toir a’ mhuinntir so orra ’nuair gheibh iad as an rathad air Mamon an ana-mianna féin iad. “Is Iùdasach an traoiteireachd a rinn iad air bhrìob òir oirnn.” Tha mi faicinn gur ì a’ Bhratach an aon Phaipeir Gàilig aig am bheil có-thruas ri Gàidheil mhì-chùramach, chùl-shleamhnach Ghlaschu. Mar thug sibh fainear am Pàirtean Iune is Ogust tha ceudan d’ar luchd-dùthcha ’s a’ bhaile so air tuiteam air falbh o mheadhona nan gràs. Tha iad a’ taomadh a stigh do chaol-shràidean ’s do chùl-thighean a’ bhaile gach là—’s a’ tuiteam fodha an làthaich misg, neo-ghloine, is comaìdheachd-co-dhiù; ’s gun duine ’g an lorgachadh a mach! Mar nead làn eun neo-ghlan, fuilteach, tha tighean nam mì-bheusach a thilg dhiubh eòlas na náire, na stuaim, is na fìrinn. Tha ’chlann a’ tional connaidh mhallachdan, na pàrantan a’ càrnadh suas cruachan dìan-chorruich air son la fraoch feirge an Uile-Chumhachdaich! Sud agaibh òigh-nighean mhaiseach agus og-ghille calma a’ tighinn do Ghaschu—bha’n òg-bhean mhodhail is an t-òigear ciùin a’ dol riaghailteach do’n eaglais—ach, feuch, dh’ fhàg iad eaglais nan eòlach is am ministeir no éildear—cha’n fhios doibh c’àite am bheil eaglais an cànain mhàithreil—tha coma-co-dhiù a nis a’ freumhachadh, gidheadh an ceann Sàbaid no dhà le mòr shaothair rinn iad an rathad gus an éisdeachd—ach mo chreach, sud am maor-eaglais maoth-bhlàth, an deacon neo-aoibheil, ,s am foirfeach gruamach, am ministeir cha’n aithne da iad, cha d’ thuirt neach focal riu—phill iad a rìs, is a rìs—cha do chuir neach fàilte orra, cha d’ fheòraich neach dhiubh cò ás a tha sibh, no c’àite tha sibh a’ fantainn—fa-dheòidh mheataich mì-dhìlseachd nam fear-dreuchd oidhearpan nan dìchiollach, lagaich neo-aoibhealachd cridhe nan truaghan, ghìn so fuath do’n eaglais ’s a’ chridhe chealgach pheacach—sud agaibh an ath-shàbaid an té so s’ am fear ud a’ dol gus an drochaid a choinneachadh nam baoghaltach cridheil, ’s nan saoghaltach fàilteachail. Nach e so ceap-tuislidh gu cùl-sleamhnachadh. So m’fhéin-fhiosrachadh féin, maille ri fèin-innseadh mo bhana-chompanach is mo choimpearain. “Cha do neartaich sibh an lag, mi mò leighis sibh an tinn, ni mò cheangail sibh suas e sin a bha briste, ni mò thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, ni mò dh’ iarr sibh a’ chuid a chailleadh, agus sgapadh iad le dìth aodhairean; seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhuinn uile, agus cho robh aon neach ’g an sireadh no ’g an iarraidh” (Esec. xxxiv. 4). Chaidh mi stigh aon fheasgar o cheann ghoirid air taobh deas an Uisge do thigh Ian Mhuilich a tha pòsda aig Mairi Sgiathanach. Bha Mairi ’s na pàisdean aig ceann cagailt gun mhòran teine. “C’àite am bheil Iain” arsa mise. “Ma ta ’s i ’n fhìrinn a’s feàrr innseadh,” arsa ’bhean, “Thàinig e dachaidh fo’n mhisg, ’s thug e ’n làn a bha na chasan leis do’n leabaidh; sgàin e mo chridhe, dh’ òl e eudach Sàbaid, ’s ged tha na pàisdean rùisgte, gun iall a mathar orra. ’s mi féin gun bhròig, gun bhonaid a bheir mi do’n tigh-aoraidh, cha toir Iain dhomh sgillin d’ a [TD 151] phàidheadh. Tha eagal mo chridhe orm gu’m bi am balachan a’s sine cosmhuil r’a athair; oir bheir e droch-bheul dhomh, ’s cha thill e air uairean a làmh a shìneadh domh. Ach taing do ’n fhreasdal gu bheil mo shlàinte agam gu greim bìdh a sholar air son na cloinne. Tha mi faotainn mu ochd sgillean deug ’s an là air son nigheadaireachd.” Dh’ fheòraich mi do Mhairi c’uin a chunnaic i am ministeir. “Cha’n fhaca mi duine dhiubh o cheann dà bhliadhna,” ars’ ise, “o sin cha b’ urrainn mi suidheachan a phàidheadh ’s an eaglais ’s chaill iad lorg orm.” So agaibh cor cheudan teaghlach an Glaschu. Tha chlann a’ leantuinn an athar; oir rud chi na big, ’s e ni na big; an rud chluinneas iad ’s e chanas iad. “Thigibh an ath sheachduinn,” arsa Mairi. Bhuail mi aig dorus Aonghais Leòdhaisich, ’s ban-Ghallach aige na mnaoi. Thuig mi gu robh ’n dorus glaiste, ach chaidh fhosgladh o’n taobh a stigh, le fear-an-tighe ’s an leanabh aige air a ghàirdean. “Tha mi toilichte ’ur faicinn,” arsa esan, seasibh suas chun na teine. Cha robh àite aige air an suidhinn. Bha e cur dòigh air a’ bhiadh an déigh tighinn dachaidh o ’obair. Bha aon no dhà do’n chloinn a’ gal is a’ màgaran feadh an tighe. “C’àite am bheil Robìna,” arsa mise, “so mi” ars’ ise, “’s an leabaidh.” “Bristidh mise beul Aonghais” ars’ ise, “ma tha e ’g innseadh duibh gu bheil mise air an spree.” Dh’ innis Aonghas dhomh gu’n d’ fhàg e Steòrnabha ’na ghill òg, ’s gu’n d’ fhuair e eòlas air Robìna an Innir-Uig aig an iasgach sgadanach. Gu’n robh i ’na bean-chomunnachaidh ’nuair phòs iad. “Thàinig sinn falamh ain-eolach do Ghlaschu,” thuirt esan, “o cheann ochd bliadhna. Thuit mo bhean tre dhroch bhan-nabuidhean an ribeachan na misg. Cha robh sinn ’s an eaglais o’n thàinig sinn do’n bhaile so, tha chlann uile gun bhaisteadh. Dé ni mi, cha ’n urrainn mi ’n toll dubh so fhàgail. Bhris a’ h-uile ni th’ ann mo chridhe.” So agaibh teaghlach Gàidhleach nach do sheas foirfeach, missionarai, no ministeir riamh an taobh a stigh do’n stairsneach aca! Chaidh mi steach do’n treas tigh. Fhuair mi ’n sin sean duine agus seana bhean. Bhruidhinn mi Gàilig. Chuir iad fáilte chridheil orm. Thuirt iad rium gu’n d’ tháinig iad an tùs an là ā Còmhall. Thog iad teaghlach mòr; ach tha na tha beò dhiubh pòsda an sud ’s an so feadh na rìoghachd. “Tha sibh a nis le chéile trom aosda,” arsa mise, ’s cha’n urrainn duibh dol do’n eaglas, ach tha dòchas agam nach ’eil iad ’g ar dìchuimhneachadh.” “Ma ta, tha,” fhreagair an t-seana bhean, “tha trì bliadhna an earraich so chaidh o nach do sheas fear-teagaisg am broinn an tighe so. Ach chunnaic mise ’s an duine bochd so agam féin là eile. Thug sinn beul ri fichead bliadhna a suidhe ’s an eagleis Ghàidhlich sin an Sràid an Dòchais. Bha sinn cuig bliadhna deug a suidhe aig Bòrd an Tighearna. Ach o’n tha sinn a nis bochd ’s nach urrainn duinn cuideachadh am ministeir a phàidheadh, cha seall duine oirnn. Tha comharra comunnachaidh a tighinn ar n-ionnsuidh a’ h-uile bliadhna; ach cha’n ’eil iad a’ faicinn gu bheil anmhuinneachdan na h-aois a’ luidhe oirnn.” Sealladh na h-eaglaisean Gàidhealach air na nithean so. Cò tha cùnntasach air an son? E. M. L. [TD 152] LE M’ PHEACAIDH THEID GU IOSA. Le m’ pheacaidh théid gu Iosa, uan fìor-ghlan Dhé na glòir; O eallach trom a’ bhàis ud, le ghràs a ni orm fòir. Le m’ chionta théid gu Iosa, mo lochdan sgreataidh dearg Ni geal ’na fhuil ro-phrìseil, ’s am bi gach smal air searg. Le m’ fheuman théid gu Iosa, is lànachd shìor ’na dhàil A leighiseas m’anam dìblidh, o ghalar dian mo chàil. Le m’ dhoilghios ruigidh Iosa, le m’ uallach sgìs is cràidh; Ni Esan uile ’n dìobairt, ’s ’nam bhròn E riarach’ bàigh. Gheibh m’ anam fois air Iosa—O m’ anam sgìth a ghnàth! A ghàirdean deas orm iadhte, is mis air uchd a ghràidh. Mo ghaol air naomh ainm Iosa, Emmanuel, Crìosd an Triath; Tha ’ainm a mach mar chùbhrachd, thig dlù ’s a’ ghaoith fa ’sgiath. Mo mhiann ’se bhi mar Iosa, caoin, soitheamh, sèamh am méin; Mo mhiann ’se bhi mar Iosa, Gin Glòrmhor Athar féin. Mo mhiann ’se bhi le Iosa, am measg a chuideachd chaoimh, Ag ionnsach’ òran ainglean, a’ seinn dha cliù le ’naoimh. FARDACH FHINN- Fhuair sinn air son an ràidhe so ainmean fir-dhreuchd Eàrdach Fhinn, 876, O.N.D.T., an Glaschu, mar a leanas; A.T.F., Bràthair MacNéill I.T.F., Bràthair Iain Dòmhnullach; R.F., Bràthair Dùghlach; C.R.F., Bràthair Dòmhnullach; I.F., Piuthar M. Bhànach; A.F., Bràthair Macillemhìcheil; M.F., Piuthar M. Nic Pháil; F.S.F., Bràthair MacPhàil; F.M.F., Bràthair MacIonmhuinn; I.R.F., Bràthair A. MacAoidh; I.M.F., Piuthar S. Nicillemhoire; D.L.D., Piuthar S. Bhànach; D.L.C., Piuthair M. Nicneacail. Tha Bràthair Mac-an-rothaich air ath-shònruchadh ’na S.F.F. Tha an Fhàrdach so, a tha a’ soirbheachadh gu math, a’ coinneachadh a’ h-uile oidhche Dhi-ciadain cinn an talla nan Saor Air. 7 Alston Street aig ochd uairean. FIOS COITCHEANN. Tha sinn toilichte thuigsinn gu ’m bheil an t-Urr. Iain Dey. M.A., fear-cuideachaidh Mhr Blàir, M.A. an Glaschu, air a shònruchadh gu Eaglais Stéidhichte an t-Sàilein am Muile. Ghabh an t-Urr. M. Macascaill, an Gleann-Lìodhann ris a’ ghairm a thug coithional Eaglais Shaoir Ghàidhealach Ghrianaig dha. Tha so taitneach a bhrìgh a’ choithionail a bhi bán o cheann fada. Am measg cùrsa òraidean ri ’n liubhairt an Eaglais Chalumcille chi sinn gu ’m bheil an t-Urr. R. Blàr, ri Oraid a thoirt air na Réiseamaidean Gàidhealach, cuspair a gheibh gun teagamh ceartas an làimh an uasail ealanta. [TD 153] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 10.] October, 1873. [LEABH. I. AN CEANNAICHE FLATHAIL. [Dealbh] IS i an dachaidh an t-ionad anns am mò a gheibhear neart aignidhean a’ chridhe ’g a chur féin ann an cleachdadh,—anns am faighear freumhan a’ ghràidh theaghlaich ’gan sìneadh féin a mach anns gach dàimh. Aig bun nam freumh so agus fo sgaile bhlàith craoibh an teaghlaich chithear gu tric òganaich threuna dheadh-bheusach a’ fàs. Agus ged a thig nithe duilich a bheir crathadh is spìonadh air a’ chraoibh, gidheadh tha i a’ fàs ann an neart agus ann am maise; agus na meanglain a’ tàthadh ri chéile ni ’s làidire,—gu h-àraidh an uair tha frasan agus anail nèimh a’ bualadh orra. Tha eachdraidh cuspair nam briathran a leanas a taisbeanadh fìrinn so duinn. Rugadh Samuel Budset ’sa’ bhliadhna 1794 aig Uarrington an Sasunn. Ged nach robh a phàrantan ach bochd bha iad diadhaidh. Bha a mhàthair gu sònruichte ’na boirionnach fìor dhiadhaidh; agus bha buaidh a teagaisg ri a faicinn gu tràthail ann an Samuel. Air dha a mhàthair a chluinntinn ag ùrnuigh air a shon féin gu sònruichte ’ga ainmeachadh air ainm, thug e fainear, agus e mu aois naoi bliadhna, “gu’n robh a mhàthair ni bu dùrachdaiche gu’m biodh esan air a theàrnadh na bha e féin air son a shlàinte.” Bho ’n uair sin a mach rùnaich Samuel Budset seirbheas a dheanamh d’a Dhia. Bhiodh buaidh mhòr aig nithean air inntinn. Bheireadh tuiteam duilleig crith air anam. Bha a mhàthair aon uair ri beul bàis. Chuireadh esan air son léigh, agus ’nuair a phill e bha ùrnuighean dian gu’n caomhnadh an Tighearna a mhàthair. [TD 154] Agus cha robh ùrnuigh gun éifeachd air an oidhche gheamhraidh ud. An déigh pilleadh a steach o ùrnuigh bha faireachdainn chinnteach aige gu’m biodh a mhàthair air a h-aiseag da. Agus cha robh e air a mhealladh. An déigh di faotainn ni b’fheàrr an robh ioghnadh ged a chan i, “Gu’n d’fhuair i feum agus irioslachd ann an cainnt Shamueil. Ged a tha e,” thuirt ise, “òg ann am bliadhnai tha e ’na chompanach do’n aois cho mhath ris an òige.” Fhuair Samuel Budset aon uair crutha eich, air son an d’thugadh da aon sgillinn. Dhùblaich caraid e le sgillinn eile a thoirt da air son dus atharrachadh, le gealladh gu’m faigheadh e an treas, ma ’n gleidheadh e an dara gu ceann ceitheir là deug. Chomhlion e cumha a’ gheallaidh; is ràinig e mar so air trì sgillinn. Dh’ fhàs an stòr gus an robh aige dha no thrì thastain a chuir e gu h-iomlan a cheannach Laoidhean Wesley, leis an robh e ’ga mheas féin beartach agus sona. “Nuair a bha e ’na phaiste bhristeadh e a mach le deuraibh gu tric anns an eaglais; agus bha fhaireachduinn cho domhain aon uair agus gu’m b’ fheudar a ghiùlan a mach a cosg. Bha déigh mhòr aige air Laoidhean Wesley is Watts. Mar so air a thogail ghabhadh a steach e ’na apprentice aig Kingswood làimh ri Bristol. An ceann obair bhiodh e a’ gabhail fadachd gus an tigeadh an t-Sàbaid is gus an cluinneadh e searmoin, a bhiodh dha, theireadh e ’n a féill mhilis. An déigh tighinn a mach ás an eaglais dh’ fhalbhadh e cabhagach le mheòir ’n a chluasan gu aonarachd toll chlach a mheadhrachadh an sud air na chuala e. B’e sud an t-ionad anns am b’ àbhuist dha ùrnuigh a dheanamh. Ann an sud bha e cur air son tìm agus siòrruidheachd. Bha cùig tastain deug aige aon uair; agus air d’ a phiuthair a bhi feumail thug e dhi iad uile a cheannach guail. Bha a phàrantan am feum uair eile; is thug e dhoibh na bha aige, deich puinnd fhichead Shasunnach. Air d’a bhràthair a bhi ’n éigin uair eile thug Samuel dha a’ h-uile sgillinn a bha aige, ceud punnd Sasunnach. Trì uairean mar so thug e seachad a mhaoin uile,—an ann do’n Tighearna a thug se e? Faiceamaid meud agus na bhuain e. Ged bha e sgaoileadh, bha e cruinneachadh. Fhuair e-féin sealbh air an toll chlach ud anns am biodh e ’g ùrnuigh, agus air an fhearann mu’n cuairt. Dh’ fhàs e am beartas is thog e àros mòr dha féin an sud, a bha air a chuartachadh le craobhan is le liosan; is coslas beannachd an Tighearna a’ luidhe air a chuid. Thug e seachad gach bliadhna air son aobharan math mu dhà mhìle punnd Sasunnach. Mar cheannaiche bha luach seachd ceud gu leth mìle a’dol troimh làimh gach bliadhna. Mar so dh’ fhàs am fear a thòisich an eagal Dé le aon sgillinn, a’ ceannachd le a thàlant spioradail mar an ceudna. Aig ceann na bliadhna, ’s na cùnntais air an deanamh suas choisrigeadh e air a ghlùinibh ann an ùrnuigh do’n Tighearna d’a mhaoin a réir mar a shoirbhich leis. Shiubhail e ás a’ bheatha so leis na briathraibh so air a bhilibh, “Is math leam cluinntinn mu nèamh, ach ’se e mo ghàirdeachas gu’m bi Criosd an sin.” [TD 155] TURUS AN URR. S. RIG DO’N GHÀIDHEALTACHD. Sud agaibh toiseach a’ mhìosa so chaidh Mr Rig gu geala-ghàireachdach a’ fàgail Lunnuin a los cuairt a chur air Tìr nam Beann. ’Na ghille òg an tùs a là chuir e deadh eòlas ann am Fòghlumait Ghlaschu air a’ Ghàidheal smioral Mr Mònaidh a tha an dràsd ’na mhinisteir an Sgìr a’ Ghlinne. Air do Mr Mònaidh a bhi deònach sgrìob a thoirt do Shasunn an uair a chuala e g’un robh a charaid Mr Rig an dùil tighinn do Albainn chòrd iad gu’n searmonaicheadh an dara fear air-son an fhir eile fad mìosa Ogust. Sheas a’ chùis mar so. Is thachair mar a rùnaich na h-Urramaich. Labhradh Mr Mònaidh gu fileanta snasmhor araon cainnt Oseìn is Iain Bull. Bha e mar so a’ giùlan claidheimh dà-fhaobhair gu buille cùil is beòil a thoirt. Ach mo thruaighe! cha bhruidhneadh Mr Rig còir ach cànain a’ Bhullaich a mhàin. Gidheadh o’n bha seirc is còrdadh an coithional a’ Ghlinne thuirt iad ris a’ mhinisteir mu’n do dh’ fhalbh e gu’m bitheadh iad riaraichte gu leòir ré na h-ùine le searmoin fhada Bheurla o’n mhinisteir Shasunnach a bha fo chliù cho maith. A nis bha aig a’ mhinisteir Ghàidhealach dà eaglais, aon ’s gach ceann do’n ghleann. Bha astar ochd mìle eadar te an ìochdair is te a’ bhràighe. Làimh ris an eaglais ìochdaraich tha am Manse. ’S e cleachdadh Mhr Mònaidh a bhi an ceann ma seach do’n Sgìr gach dara Sàbaid. Rànaig Mr Rig an Gleann air feasgar Di-haoine. Cha robh duine aig an tigh ach na searbhantan. Rinn e deas air-son na Sàbaid. Bha e gle thoilichte gu’m b’ ann do’n bhráighe a bha e ’dol, air dha dùil a bhi aige gu’m b’ fheàirte e a’ choiseachd ’s a’ mhaduinn. Air do mhaduinn na Sàbaid a bhi ciùin bòidheach ròghnuich e an athghoirid a ghabhail thar a’ mhonaidh. Chuir an searbhanta air ceann an fhrith-rathaid-mhòir e. Ri bruthach ghabh e. Bu lìonmhor dìreadh is teàrnadh, cama-lùb is torrag, fèth is sùil-chrith, tom-draighinn is sgorra-chreag a bha eadar e is ceann a thuruis. Bha nis a’ chuisle luath, an anail ’s an t-slugan, pian ’s a’ cheann, ’s mo chreach, an ùine a’ ruith. Gu dearbh arsa esan ris fèin mur bitheadh an t-searmoin agam am phòca chrathadh an tulgadh so á m’chuimhne i. Le plup thall is steall a bhos mu’n abradh tu aon is a dha sud a chas fodha ann an eas—dh’ fhàg e a’ bhròg chaol shìos. Shlaod e nios i ’s air dha a glanadh ’s cuir air thàr e ás a rìs. Ràinig e nis coille nan sgiathach. Air dha bhi a’cromadh fo dhà chraoibh a bha gu caidreach a’ pògadh a cheile, leum geug chrosta choimheach is thug i beum a driom a’ chòta dhuibh. Thilg e dheth a’ chasag ’s an uair a fhuair e prìne a chur ’s an reubadh chum e ris an uchdaich. Le bogan ’s a’ bhròig is smùid fhalluis ás a mhaoil rànaig e an eaglais mionaid no dhà roimh ’n uair. Bha Mr Rig caomh a nis feumail air biadh, air tacun fois is air caiseart tioram. Ach air aon do na tròcairean so cha do sheall riamh eaglais a’ bhraighe. B’ e a facal faire conlach agad na bhuait thoir dhuinne àireamh nan clachan creadha. Chaidh Mr Rig do’n chùbaid an suidheachaidhean neo-àbhaisteach is mi-fhàbharach do chorp is do anam. Thug e seachad rannan a’n seinn, ach feuch, dé bha an so ach Laoidh! [TD 156] Sheall an t-seann luchd aidichidh air a’ mhinisteir le mòr ìoghnadh is a rìs air a chéile a’ crathadh an cinn—iadsan cha seinneadh facal, ach sheinn an òigridh. Thug am ministeir an aire d’ a so, ach shaoil esan gu’n robh an laoidh cho freagarach, drùighteach gus an robh iad air an lìonadh le luchd do bhròn diadhaidh air chor ’s nach b’ urra iad seinn. Ach bha e fathast air cùl a naigheachd. Air do’n ùrnuigh ’s do’n leughadh a bhi seachad, thug e mach aon do na Dàin Spioradail ag ràdh gu’m b’ fheàrr leis fein laoidhean is dàin gu mòr na na Sailm, oir gu’n robh e duilich do chrìosduidhean an Tiomnaidh Nuaidh aon chuid an cor no Criosda a chladhach a mach a cainnt dhorcha shamhlachail nan Salm! Chrath na bodaich an cinn ag ràdh riu féin, dàin is laoidhean gun Chriosd idir annta, ’gan cur an àite nan Salm d’ an suim Criosda, is a tha làn do bheatha na diadhachd air-son gach linn do’n eaglais. Sgrog fear no dhà air a bhonaid ’s chaidh e dachaidh a dh’ fhaotainn a chor ’s na Sailm, a’ co-dhùnadh nach faigheadh se e an searmoin a’ mhinisteir Shasunnaich. Tha eagal orm mar a thuirt gu’m b’ fhìor. ’Nuair bha an t-seinn ’g a crìochnachadh chuir Mr Rig a làmh am pòca achlais a chòta air-son na searmoin, ach cha robh sgeul uirre. Gu dé a rinn an t-searmoin, ach tuiteam ás a phòca ’nuair a bha e a’ càradh a’ chota aig an tom dhraighinn! ’S mòr a b’ fheàrr a nis pòca na cuimhne na fear na casaig. Leugh e caibideal mòr fada, ’s labhair e tacun air a’ Mhac Stròidheil. Ach arsa Màrad nic Coinnich ri Mairi Bàrd cha’n’eil ’s an duine so ach am mac stròidheil e féin rùisgte agus beò air na plaosgan, gun bhiadh aige da féin no dhuinne. Sgaoil an coithional tur mi-thoilichte le ministeir na deadh chliù. Fhuair e uisge uamhasch a dol dachaidh. Cha do chuir e alaban an turuis fathast ás a chnàmhan. Thug e Sasunn air Di-luain, a dh’innseadh do Mr Mònaidh nach b’ urra da a’ chùis a dheanamh. ’Nuair a mhìnich Mr Mònaidh da beachd nan Gàidheal aìr laoidhean is dàin bha e air a lìonadh le mòr dhìmeas an aghaidh cumhannachd inntinn muinntir a’ Ghlinne; ach iad-san air an làimh eile a’ chearta cho làn dìmeis air cion diadhachd Mhr Rig! DR IAIN DOMHNULLACH NA TOISIDHEACHD. Tha cliù an duin’ urramaich so, anns na h-Eaglaisean gu léir. Agus am fad ’us a bhitheas Eaglais aig Dia air Gaidhealtachd na h-Alba; bithidh ainm air chuimhne, mar aon do Mhinistearan Chriosd, a bha ro chomharaichte airson a dhiadhaidheachd ’àrd thiodhlacan, agus a chomasan searmonachaidh; agus a bha air aideachadh ann an tomhas neo-chumanta mar inneal, ann an laimh an Spioraid, gu bhi ’g iompachadh pheacach dh’ionnsuidh Chriosd. Rugadh e ann an sgiora Mhiora, an Siorramachd Ghallthaobh air an dara la déug do cheud Mhios a gheamhraidh, anns a bhliadhna 1779. Anns a sgireachd so, bha athair, Seumas Domhnullach, na fhear-ceasnachaidh—agus ro mheasail aig an t-sluagh, airson a ghibhtean us a ghràsan. Ann an tiodhlacan nadurra, bha e air a radh, gu’n robh e gle chosmhuil [TD 157] ri mhac ainmeil; gun a bhi dad air deireadh air. Bha Seumas Domhnullach posda da chuairt. Grathuinn an deigh bàis na ceud mhna, thainig e na bheachd gu ’m pòsadh e an dara uair. Ach air dha air tùs, a bhi neo-shuidhichte na inntinn, co dhiubh a dheanadh no nach deanadh se e, chuir e a chomhairle ri companach diadhaidh a bh’aige. Dh’aontaich iad a chuis a chur fa chomhair an Tigheama, agus inntinn-sa fhaotainn mu na ghnothach. Beagan an deigh so, thainig an duine so a dh’ ionnsuidh Sheumais, agus thubhairt e, “pòsaidh tu a Shemuis, agus bithith mac agad a bhios ro ainmeil ann an Eaglais an Tighearna.” Is iad na briathrau a fhuair e, na briathran a labhair an aingil ri Zecharias. “Na biodh eagal ort a Zhecariais, fhuair d’ùrnuigh eisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabeth mac; agus bheir thu eòin mar ainm air. Agus gheibh thu gàirdeachas, agus solas, agus ni moran gàirdeachas ri bhreith, agus bithidh e mòr fa chomhair an Tighearna.” Luc: I. 13, 14, l5. Is e an Doctair féin a dh’innis so, do’n neach a dh’innis dhuinne e; agus ars’ esan ris an neach so, leis an irioslachd leis an robh e air a sgeudachadh; “tha fios agad a Dhonuill, gu’n do shaothraich mi am fion-lios an Tighearna, ach fagaidh mi aig cach e ri radh, ciod an toradh a lean na lorg.” Aig naoi bliadhna dh’ aois, chuireadh do sgoil na sgìreachd e; agus cha b’fhada ’bha cinnt’, gus am faca Mr Munro am maighstir-sgoile, gu’n robh tìodhlacan inntinn neo-chumanta aige; agus an uine ghear, fhuair e toiseach orra uile a bha sa sgoìl. Anns a bhliadhna 1797 ’n uair a bha e sè bliadhna déug a dh’ aois, chuireadh e do Chollege Abaireadhain. An so choisinn e cliu, airson foghlum, am measg a cho-aoisean nach robh air deireadh air aon diubh. Anns gach class, anns an robh e co dhiubh a foghlum chainntean, no eolas air bith eile, nochd se e féin a bhi co-ionnan ris an aon a b’fhearr diubh. Ann am Mathematics, tha e air a radh, gu’n robh toiseach aig orra gu léir. O aoìs oige, tha e coltach, gu’n robh spiorad an Tighearna a saothrachadh air anam. Tha e air innseadh; a air dha bhi fathast ’na ghiulan beag, a cluich maille ri giullanan eile, gu’n rachadh e maille riu air leith, a chumail coinneamh ùrnuigh. Ach tha e coltach gur ann an deigh dha dol do’n Chollege, a thainig e air mhodh sonruichte, gu bhi fo churam anama. Tha e air a radh, air chul teagasgan athar; gu’n robh sgrìobhiadhean druichteach Mr Ionathan Edwards, maille ri searmonan Mhr Robertson a bha na mhinistear an Achrenie; agus an deigh sin an Cinnaghusich, air am beannachadh dha gu mòr leis an Tighearna. Chaidh e aig an àm so troimh mhòr dheuchain inntinn, a thaobh slàint’ anama—a mothachadh, “uamhasan an Tighearna ann an tomhas neo ghnàthaichte; air sheol ’s nach mor nach do thuit e an eu-dòchàs. Bha e air a ghlacadh aig an am so air leithid a dhoigh, mar dh’ innis e féin, agus gu’n robh e air ti e féin thilgeadh anns an fhairge gu bhi air a bhathadh. Anns a chruaidh gheachd anama so, chaidh e do uaimh a bh’ aig traigh a chuain; ghuidh e air Dia fuasgladh air; dh’ eisd e ris; thainig solus a dh’ ionnsuidh inntinn; agus riamh tuilleadh an deigh so, shealbhaich e saorsa. “Thugadh as an t-slochd umhainn e, agus as a chlabair chriadha tiugh, chuireadh a chas air a charaig, agus an t-òran nuadh na bhéul.” Mar so, bha e air ullamhachadh leis an Spiorad naomh, gu bhi labhairt agus a toirt saorsa [TD 158] do mhuinntir eile a bha ’n teinn. Iomadh bliadhna ’n deigh so, agus e am Baile Ghlasco aig commanachadh, thainig an earrann so a dh’ ionnsuidh inntinn mar bhonn teagasg; “na dean cron ort féin”—na briathran a labhair Pol ri fear coimhead a phriosain, agus e air ti e féin a mharbhadh. Dh’ fheuch e ri inntinn a shuidheachadh air earrainn eile, fa chomhair feasgar an la maireach; ach cha b’ urrainn e. Chaidh e do’n chubaid aig an am shuidhichte, agus thug e mach an text a dh’ ainmich sinn. Dírich aig a cheart am air an do léugh e na briathran, ud, bha boirrionnach a dol seachad air an eaglais, agus air dhi guth a mhinistear a chluinntin, chaidh i steach. Air ball chual i na briathran, “na dean cron ort féin.” Bha i air an t-slighe gu i féin a bhathadh anns an abhainn. Ach bhean na focail ri mar gu’n rachadh sáighead gu cridhe. Dh’ eisd i an t-searmoin; anns an robh a h-eudòchas agus a deuchainnean inntinn, maille ri sligh na slàinte, air an cur cho soilleir fa comhair, agus ge d’ a b’ ann rithe féin a bha gach smid air a coimhlionadh; chaidh i dh’ ionnsuidh a mhinistear an deigh na searmoin. Dh’ innis i a cor dha; agus mar a chord a theagasg rithe anns gach pung. Is e a thachair gu’n robh ise a ghluais roimhe so an slighe na neoghlain, a ris air a toirt gu bhi gluasad an slighe na naomhachd; a creidsinn anns an Tighearn Iosa le h-uile chridhe. Fhuair an Dr Domhnullach comas searmonachaidh ann an July, air a bhliadhna 1805; agus air a bhliadhna so shuidhicheadh e mar fhear teagasg ann an Achreny agus Shrath-Haladale an siorramachd chataobh; agus an deigh sin ann an Berriedale an Gallthaobh, sa bhliadhna 1806. Air a bhliadhna so féin, fhuair e gairm do’n eaglais Ghaidhealach ann an baìle Dhuneidin; for an do shuidhicheadh e mar mhinisteir air mios dheirrionnach a gheamhraidh sa bhliadhna 1807. Thoisich e a nis air a bhi ro áinmeil mar shearmonaiche. Sgaoil a chliu air feadh a bhaile gu leir; agus anns gach ionad anns an d’fhosgail a bheul, chruinnich sluagh mor d’a eisdeachd. Bha ’cheud da shearmoin ann an Gailic ’s an eaglais aige féin; ach tachdan an deigh dha bhi air a shuidheachadh, thoisich e air searmon fheasgair a thoirt am Beurla, agus bha leithid a shluagh a cruinneachadh, agus nach cumadh i ach beagan diubh. Bha a theagasg aig an am so le leithid a chumhachd; a dhílseachd, a dh’ éud, agus a dhruidhteachd; agus gu’n robh cuid d’on bheachd nach do thoisich e gu so air an t-soisgeul a searmonachd. Ach cha ’n ann mar so a bha. Shearmonaich e an soisgeul ann am Beiriedale, cho chinnteach agus a shearmonaich se e am baile Dhunedin—ge d’ a tha e soillear, gu’n robh e aig an àm so, air ungadh a’s ùr le Spiorad an Tighearna, gus an sgéul mor aoibhneach a dheanamh aithnichte. Aig an am so chaidh e mar bu ghnath leis gu tuath a dh’ fhaicinn athar. Bha athair urramach ro mheasail aige; agus bha e mar chleachdadh aige aon uair anns a bhliadhna, no bu trice a dhol do ’a fhaicinn. A pilltinn air ais, thathaich e air sabaid am Baile-Dhuthaich, maille ri Doctair Macantosich mòr, a bha na Mhinistear an sin. Dh’ iar Doctair Macantosich air, gu’n cearmonaicheadh e na àit an la so. Dh’ aontaich e. Cha chualas riamh roimhe e le sluagh a bhaile. Agus mar a thubhairt aon duibh, a bha a lathair aig an am; “air dhomh gille òg ’fhaicinn a dol do’n chubaid an àit’ mo mhinistear ionmhuinn féin, ’s ann [TD 159] a dh’ fhàs mi diumbach, mi-thoilechte, a smuaineachadh gu’n caìllinn an latha. Thug e mach an t-sailm. An deigh sin rinn e ùrnuigh. Mar a chaidh e air aghaidh bha m’ aire a chuid ’us a chuid air a glachdadh. Thug e mach an text; agus mar a theagaisg e, bha mi air mo lionadh gu ro mhòr le na bha mi cluinntinn. Mar a chaidh e air aghaidh bha gach suil air a glacadh, agus chluinneadh tu air so ’us an sud tròm osann fo dhruthadh a theagasg—a bha le mòr chumhachd a beantuinn ri inntinnean an t-sluaigh. “Bha an dara searmon a thug e,” ars’ an neach so, “cho druiteach, agus le leithid a chumhachd, agus a leithid a chomas labhairt, agus gu’n robh a mhòr-chuideachd air an leaghadh sios. Bha uamhasan an Tighearna air an seirm le air leithid a dhilseachd, agus a dhurachd, agus gu’n saoileadh tu mu’n sguireadh e gu’m biodh gach cridhe air a lot, seadh gu’n sgaineadh ballachan na h-eaglais féin le guth an t-searmonaiche. Air do’n t-seirbheis criochnachadh, bha gach aon a feòrach ri chompanach, co ’m ministear mòr a bha ’n sud. ’S e uile na b’ urrainn iad a radh; “duine òg ’o Dhunedin, do’n aìnm Mr Iain Domhnallach. Cha b’fhada,, gus an robh tuilleadh eòlais aig sluagh na gaidhealteachd air an duin bheannaichte so; do’n goireir gu ro chothromach, “Abstol an Taobh-tuadh.” A. SINCLAIR, Ceannmor. Gu bhi air a leantuinn. SÌNE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL X. Oir bha mi mo thruaighe fosgailte do iomadh buaireadh air dhomh a bhi ’m chòmhnuidh maille ri mnaoi air nach robh eagal Dé, ach bha Dia cho tròcaireach dhomh ’s nach do leig e ré ùine fhada ach beagan dheuchainnean am charamh. Bha gu leòir agam ri dheanamh, ’s cha robh iad ach tearc a bha ’tighinn rathad an tighe, ach a mhàin gu’n d’ thugadh Seònaid Nic Dhòmhnuill gairm dhuinn air uairibh maille ri òganach o’n choimhearsnach cheudna ris an robh i a’ gleideadh comuinn agus air uairibh a’ gnàthach saorsa nach robh ri mholadh. Ach cha robh mòran agam ri ràdh ri Seònaid air dhi teachd. Cha robh i toigheach orm agus is minic a smuaintich mi a philltinn ri Dia. An uair a bhiodh ise mar a ’s tric a thachair le m’ bhana-mhaighstir air feasgar na Sàbaid bu ghnàth leam fantuinn am sheòmar beag fein mur robh feum orm shìos an staidhir. Bha mi nis maille ri Mrs Dùghlach tuilleadh a ’s dà bhliadhna gu leth, agus bha mì le toilinntinn ag amharc ris an àm am fagainn a seirbhis gu tòiseachadh le aon air an robh eagal Dé. Air feasgar àraidh an deireadh an earraich so chaidh ’s am feadh a bha na faireachduinnean sin a’ gluasad am inntinn ’s gun agam ach mi fèin aig bòrd an iarnachaidh thàinig buille ’s an uinneig agus mu’m b’ urrainn mi thuigsinn co bh’ ann ghlaodh Seonaid, ciod, gun duine ach thu féin, greas ort ’s leig a stigh mi. Bha ìoghnadh orm do’n t-saorsa leis an do labhair i rium, ach dh’ fhosgail mi ’n uinneag a’ labhairt rithe le uiread suilbheireachd ’s ged bhiodhmaid anns a’ chàirdeas a bu dlùithe. Thàinig mi nall [TD 160] a dh’ fhaotainn treis chracaireachd. An leig thu stigh mi? Fhreagair mi gu’n robh mi ’n comain, ach aig a’ cheart àm gu’m b’ e mo bheachd gu’m bu chòir dhi bhi dlùthachadh ris an tigh oir gu’n robh e cheana tuilleadh a ’s anmoch do mhnaoi a bhi air a faicinn a mach. An seana cheól fathast ars’ ise, nach do leig thu fathast dhiot do chràbhadh ’s do neònachas. Dh’ fhan thu cho fada leis an t-seana-bhean sin gus nach ’eil fios ciod a ’s math dhuit. Leis na briathraibh so ’na beul chaidh i mu’n cuairt gus an dorus agus bhuail i aige gus an d’ thug mi dheth an crann; oir ’nuair a bhithinn am aonar bha e ’na chleachdadh agam an dorus a chrannadh mu thuiteam na h-oidhche. ’S fuasach cridheil thu ’nochd a Sheònaid arsa mise, ’s mi toirt cuiridh dhi suidhe sìos làimh ri m’ bhòrd iarnachaidh. Cridheil, ars’ ise, gu cinnteach, tha’m baile uile ann am fonn. Tha na saighdeirean ’s a’ bhaile, nach ’eil fhios agad air sin. Faodaidh tu’n ceòl a chluinntinn gu soilleir eadhon an so. Bha dannsa againn an dé aig an Tighmhòr. Bha mo mhàthair is mise ann agus bha ’n seòmar fada cho làn ’s gur gann a dh’ fhùcadh tu thu féin a stigh ’s bha na h-igheanan cho gasda coslas. Cha ’n urrainn nach taitneadh e riut, ach an so tha thu dùinte suas mar ann an crò ’s cho trominntinneach. An saoil thu nach leigeadh do bhana-mhaighstir leat tighinn air uairibh maille riumsa. Dh’ fhaodadh gu’n leigeadh fhreagair mi, ’s bheir i dhomh cead cho luath ’s a dh’ iarras mi e, oir a dh’ innseadh na fìrinn dhuit, a Sheònaid, cha’n’eil mi a’ smuainteachadh gu’m bheil gnothach ’s am bith aig nigheanaibh cliùiteach ’nan leithidte sin do àitean sùgraidh. Beannaich mise, agus c’arson, arsa Seònaid, cha’n’eil a h-aon do na h-uaislean aig nach ’eil an culaidh chluiche is shùgraidh, ’s cha ’n aithne dhomh c’uime nach biodh iad againne cuideachd, innis dhomh c’ àite am bheil an coire laidhe. Cha mhath, fhreagair mi a ’s urrainn domh sin innseadh a Sheònaid, oir cha robh mi aig dannsa, no faidhear, no foraraidh o ’n a rugadh mi, ach an aidich thu cò chaidh riamh a dh’ ionnsuidh aon do na h-àitean sin gun droch cainnt a chluinntinn, ’s gun amas ri daoine misgeach mìobhail le cainnt shalaich neo-bheusach air am bilibh ’s le ainm naomha Dhé gu suarach ’nam beul dìreach innis dhomh an fhìrinn a Sheònaid. Cha’n’eil fhiosam cha’n e sin ciod c’ uime, arsa Seònaid. CAIBIDEAL XI. Abair ’s e no cha’n e, Sheònaid ionmhuinn, fhreagair mise. Ma ’s e ’s nach ’eil thu comhlachadh ri droch dhaoine is còir sin a ràdh, agus ma tha thu ’g an comhlachadh ’s éigin duit aideachadh maille riumsa nach àitean iad a tha iomchuidh airson nigheanan cliùiteach. Ach tha thusa tuilleadh a ’s faicilleach ars’ ise. C’ionnas a ’s urrainn sin a bhi tuilleadh a’s faicilleach fhreagair mi. An urrainn duinn Dia a ghràdhachadh tuilleadh ’s a chòir no bhi tuilleadh a’s dìleas ’na sheirbhis. Nach ’eil e air a ràdh ’s a’ Bhìobull, cha’n urrainn neach air bith seirbheis a dheanamh do dhà mhaighstir no seirbheis a dheanamh do Dhia agus do Mhamon. Cha d’ thug Seònaid tuilleadh freagairt ach shuidh i ’na tosd. Ma dheireadh thuirt i, a Shìne, c’uin a bha thu ma dheireadh ’s a’ bhaile. Air a bho’n [TD 161] dè, fhreagair mi, thug mi na h-annairtean so o Mrs Mac Calum. Am faca tu an t-òigeir an sin dh’ fharraid i. Cò ’n t-òigeir thuirt mise, cha’n aithne dhomhsa òigeir ’s am bith. Ciod, nach cuala tu mu’n òigeir a tha air ùr theachd do’n bhaile, cha’n’eil fhios c’àite an robh thu ré nan ceithir là deug so chaidh. Tha e air tighinn a dh’ fhantuinn aig Mrs Mac-a-Ghobhann am marsanta ’s cha’n fhaca tusa riamh aon duiue uasal cho taitneach, eireachdail, caoimhneil, cridheil ris. Cha mhò tha mheas aige air airgiod na bhiodh agad air an t-sràid ’s cha’n urrainn duit a smaointeachadh cia cho iriosal suairce ’s tha e. Tha daonnan a’ leithid do aoibh air ’s labhraidh e cho caoimhneil c’àit air bith an tachair thu air. Agus labhraidh e cho caoimhneil arsa mise ’na ’déigh. Ciod, an saoil thu an gnothuch a th’ aig duin’-uasal ’s am bith, gu sònruichte tha ’na choigreach labhairt ri cailleig bhochd mar tha thusa. Aig a so chaochail a gnùis, seadh gu dearbh, caileag bhochd, fhreagair i, tha sin a’ còrdadh rium. Caileag bhochd, gun ag cha’n’eil mi am sheirbhiseach. Math a dh’ fhaodta nach ’eil, fhreagair mise, ach ’s math a tha fios agad nach meas na h-uaislean thu mar choimpire, ni mò ni duin’-uasal gabhail riut mar sin. Faodaidh tu fhios a bhi agad an uair a labhras duin’-uasal le saorsa ri nighinn ann a’ d’ shuidheachadh-sa, nach aon ni math a th’ air aire. Cò tha ag ràdh gu’n do labhair an t-òigeir le saorsa riumsa, arsa Seònaid, b’ àill leam sin fhaotaìnn a mach. Nach d’ thuirt thu féin, dh’ fheòraich mi, gu’n robh e cridheil ’s gu’n do labhair e gu caoimhneil riut air dhuit tachairt air. Agus ged a rinn e sin, fhreagair i, agus ged do mheas e mi briagha ’s ged a thoilicheadh e ’bhean a dheanamh dhiom c’àite am biodh an t-aobhar ìoghnaidh. O Sheonaid, arsa mise, cha’n’eil daoine uaisle cho deas gu caileagan bochda thogail suas gu bhi ’nam mnathan doibh. An saoil thu ciod ’s am bith a their iad gu’m biodh caileag ann an suidheachadh iosal mar a ta thusa cho taitneach leò ris na mnathan uaisle, òga, ciatach sin a ta iad a faicinn gach là. Nach ’eil e soilleir nach urrainn sinne luchd comuinn a dheanamh doibh. Am bheil sinne comasach air cainnt mu na nithean mu’n urrainn iadsan, no le ar cainnt chumanta dhùchail labhairt ri daoine fòghluimte. Ma thairgeas òganach e lein duinn a tha dh’ aon inbhe ruinn féin faodaidh sin éisdeachd ris, ach ma dh’ fheuchas sinn ri sinn féin àrdachadh os ceann ar coimhearsnach tuitidh sin ni’s ìsle na tha sinn. GÀIDHEIL GHLASCHU. II. A Dheasaiche Chaoimh,—Tha mi fathast aìr mo thurus am measg Ghàidheal Ghlaschu. Agus gu dearbh féin chunnaic is chuala mi na h-uibhir de thoraidhean a’ bhàis spioradail ann am mi-chiall agus ann an anamianna mi-nàdarra mo cho-luchd-dùthcha gus nach ’eil fios agam c’ àite an tòisich mi. Gidheadh mar shaimpleìr bheir mi dhuibh fìrinn no dhà mu theaghlaichean air an d’ fhuair mi eòlas. Aig a’ Bhealtuinn so chaidh thug mi sgrìob do thigh Uilleam Dhiùraich air taobh Tuath an [TD 162] Uisge. B’ aithne dhomh a bhean Ceit Ileach o cheann bliadhna no dhà. B’ i’n oidhche roimh là nan iomaircean a bh’ ann. Bha ’n tigh uile Uilleam, Ceit is a’ chlann air ghluasad gu gnìomhach mar dhùn na t-seangain a’ cur an òrdugh a dhol am màireach gus an tigh ùr a ghabh iad shuas anns a’ Cheanna-bhaile. Bha Iain an dara aon a bu sine do’n chloinn ’na luidhe an tinneas caitheimh. Sheall Lìosaidh a phiuthar air Iain bochd, ’s chuala mi i ag ràdh ris: Iain ’eudail de mar a gheibh sinn thusa a thoirt do’n tigh ùr? Agus ged gheibheadh sinn ann thu, tha eagal orm nach còrd an t-àite cumhann salach ud ruit; oir cha’n ’eil ’s an tigh dhubh ud ach aon seòmar beag le aon uìnneig chaol air nach dealraich a’ ghrian là ’s a’ bhliadhna mhòir. Ah! a phiuthar ghràdhach arsa esan, “Ann an tigh m’ athar-sa tha iomadh àite-còmhnuidh. Is croinn sheudair sailean ar tighe, croinn ghiuthais ar ceann-fhiodh. Agus is òr fìor-ghlan sràid a’ bhaile mar ghloin shoilleir. Agus cha’n ’eil feum aig a’ bhaile air a’ ghréin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhé e, agus is e an t-Uan a’s solus da.” Tiormaichidh m’ athair ars’ esan gach deur o m’ shùilibh mu’n téid mi a stigh, agus an uair a théid mi a steach cha bhi bàs, bròn, éigheach, no pian ann ni ’s mò, ni mo a bhitheas agam ri dol air imrich ás tuilleadh. Thug suidheachadh Iain am chuimhne, Abiah mac Ieroboaim anns an “d’ fhuaradh ni maith a thaobh an Tighearna Dé Israeil ann an tigh Ieroboim.” Cha robh eagal Dhé no dhaoine air athair no air mathair Iain. Stad an dithis a dhol do’n eaglais ’nuair a fhuair iad a chlann a bhaisteadh. Ghabhadh na pàrantan air a chéile am fianuis na cloinne. B’ éigin doibh an nis an tigh maith ’s an robh iad fhàgail, agus tigh iosal fuar neo-fhallain a ghabhail ann an aon do chùl-shràidean mi-bheusach a’ bhaile. Dh’ fheòraich mi do Cheit c’ uin a bha fear-teagaisg no neach do’n t-seòrsa sin a’ sealltuinn orra, no gu sònruichte air a’ bhalachan a bha tinn. Huch, ars’ Uilleam is e a’ toirt spadag mhionnachaidh ás, tha na daoine sin coma sinn a bhi beò no marbh. Cha robh fear do’n t-seòrsa ’s an tigh so riamh, thuirt Ceit, agus tha sinn a nis dà bhliadhna gu leth ann. Am bheil fada, arsa mise o’n dh’ fhàs Iain gu bochd, tha fhreagair a mhathair bliadhna na daice so o’n luidh e an toiseach. Shuidh mi air taobh na leapach aig Iain a choluadair rìs, oir b’ e gu deimhin an ròs am measg nan droighionn. Dh’ innis e dhomh gu ’m b’ ann ’s an sgoil Shàbaid a rinn Dia triomh ’n fhìrinn anam a shoillseachadh agus uidh air ’n uidh a threòireachadh gu Criosd. Tha dùil agam ars’ esan gu’n tig sibh a rìs a shealltuinn air mo phàrantan dh’ fheuch an toir sibh orra stad do’n mhisg, oir mu’n do thòisich iad air an òl mhallaichte so tha cuimhne agam gu’m biodh iad a’ dol uair ma seach do’n t-searmoin. Chunnaic mi Bìobull is Turus a’ Chrìosduidh aig taobh na clausaig a fhuair Iain mar ghibhtean ’s an sgoil Shàbaid. B’ iad so na cladhanna troimh’n robh Dia a’ beathachadh sìol nan gràs ’na anam. Dh’ aithnich mi gu’n robh mo chaomhan Iain dlùth air a’ chrìch. Leugh mi maille ris Salm lvi. ’nuair a thainig mi gus 8mh rann; “Dh’ [TD 163] àireamh thu mo sheacharain: nach ’eil iad ann ad leabhar,” “Dh’ àireamh E m’ iomaircean,” ars’ esan. Air an oidhche sin féin an àite dol do thigh ùr Cheanna-Bhaile chaidh Iain air imrich air a chompanachadh leis na h-ainglibh gu Tigh nan iomadh àite-còmhnuidh. Air dhomh a bhi ’na dhéigh so a’ beachdachadh air briathran Iain thug mi fainear gu’m b’ e iomaircean fìor sheadh an fhocail seacharain. Cò do chrìosduidhean Gàidhealach Ghlaschu a chaidh a dh’ fhaicinn Iain chiùin an uair a bha e ann an euslaint, sgìth, ocrach, buairte? An abair Criosd riu aig an là mu dheireadh; Do bhrigh nach do rinn sibh e do aon do’n mhuinntir bhig so cha do rinn sibh Domhsa e. Air an ath sheachduin ruith mi suas an staidheir a chur fàilte air bean Alasdair nan stòp an t-òsdair. Dh’ fhosgail Isabal an dorus, is chuir i a stigh mi gu cridheil càirdeil. ’Nuair a sheall mi féin air bean an tighe ’s ann a bha i is cuaran mu ’ceaun. Am bheil ceann goirt agaibh, arsa mise ri Isabal. Cha’n ’eil arsa Mòr bheag gu tapaidh ’s ann a bhuail m’ athar mo mhàthair oidhche Di-sathuirne is gheàrr e a sùil. Seallaibh dha i, ars’ ise. Bha sinn tacun a nis ’nar tosd. Ach thuirt a màthair ri Mòr, ’s maith nach miosa, nam marbhainn-se duine dh’ innseadh thusa e a Mhòr bhochd. Dh’ fhaoinnichd mi do Isabal an robh i ’s an eaglais air an t-Sàbaid. Cha robh, ars’ ise, oir thàinig Alasdair dachaidh air oidhche Di-sathuirne eadar aon uair deug is dà uair dheug an déigh dha an tigh-òsda a dhùnadh, agus o’n tha e ’n ceann deoch fad an latha, cha’n urrainn e seachnadh a bhi ’g a fheuchainn, ach o’n dh’ aithnich mìse neul dram air, is a thuirt mi ris dé chum cho fada e, ghabh e corruich agus gu mi-fhortanach thog e làmh dhomh. Cha’n ’eil mi cur coire air, arsa Isabal, oir cha robh àrach aig air, cha b’ ann le a dheòin a rinn e e; oir a dh’ aindeoin a’ h-uile ni tha cridhe maith aig Alasdair. Tha e dol a cheannach deise shìoda dhomh air an t-seachduin so! A nis tha Alasdair ’na fhoirfeach an aon do eaglaisean Gàidhealach Ghlaschu—tha e mar so ’na bhall do’n t-seisean a suidhe a thoirt breith air luchd-comunnachaìdh a thuit fo’n mhisg—a thoirt, no a chumail baistidh o’n mhisgeir—an déigh, theagamh, d’ a dhà làimh féin an stòp a lìonadh dha. Tha Alasdair fein ’na mhisgeir uaigneach, ’s cha’n e a mhàin gu’m bheil e a’ sealbhachadh gun ghuth, gun athadh uile shochairean na h-eaglais, ach tha e mar an ceudna gu beul-bheumach is gu h-ana-crìosduidheil ’na bhreitheamh an tigh Dhé gu binn chlaon-bhàigheil a thoirt air a’ cho-mhisgeir nach ’eil dad ni’s miosa na e fein. Mar an sagart is amhluidh sin an sluagh. Tha ni eile agam an aghaidh prionnsapalan dreuchd Alasdair, ’s e sin gu’m bheil àireamh do theaghlaìchean ’s a’ choithional air an earbsa ris gu dol gu riaghailteach a shealltuinn orra. Dé mar ni so? Cha’n fhàg e a ghnothuch gu aon uair deug a dh’ oidhche; ’s ged dh’ fhàgadh, an urrainn e bhi ’na eildeir an Sionagog Shàtain is ’na fhoirfeach an eaglais Chriosd? Nach e so aon do fhreumhan an uilc o’m bheil ag éirigh an dearmad sin a tha eaglaisean Gàilig Ghlaschu a’ deanamh air mo luchd-dùthcha ’s a’ bhaile mhòr so. E. M. L. [TD 164] TIGHNACLOICHE. III. ’Nuair a ràinig Pàraig a bhean is am balach beag Tighnacloiche bha’m beatha deanta. Thàinig Mairi Bhàn ’s na searbhantan gu sunndach saodmhor a chur fàilte orra. Cha robh fios cò an làmh a bu luaithe a’ cur seirm air biadh dhoibh. Bha Rob a’ tighinn dachaìdh g’ a bhiadh-neòin ’s cò chunnaic e teachd ’na chòmhail ach Para Beag ’s am pàisde aig air a ghàirdean. “Do bheatha gu Tighnacloiche aon uair eile,” arsa Rob, “tha boch orm thu féin ’s do leanabh fhaicinn slàn. Thig a stigh. Gu dé mar dh’ fhàg thu Seònaid.” “Gu dearbh cha d’ fhàg mi idir i,” arsa Pàraig, “cha sgar grian no gealach mise is Seonaid.” “Tha thu cho aighearach ’s a bha thu riamh,” thuirt an gniomh. “Gu deimhin tha agus mòran ni ’s aighearaiche,” chan an cìobair, “oir tha nis bean is mac agam.” “An e ainm a sheanar a thug thu air a bhalach,” dh’ fheòraich Rob. “Ma ta cha’n e,” fhreagair Pàraig, “ach Rob air do shon féin.” “O’n bha thu cho cuimhneach a sin orm,” arsa an gnìomh, “bheir mise uan dhuit air sealbhaich Roib bhig mu’n téid thu dhachaidh.” Chaidh iad a steach. “Tha mi toilichte d’ fhaicinn an Tighnacloiche ma dheireadh,” arsa Rob, “ri Seonaid.” ’S a’ chainnt so shuidh iad sìos gu’m biadh. Ach an uair a dh’ innis Mairi Bhàn gu’m b’ e mogan airgid Sheònaid a thug Pàraig gu Tighnacloiche, bha iomadh gàire cridheil aig a’ bhòrd. “Ach,” arsa Pàraig gu crom uaigneach, “a’ bhliadhna gus an diugh fhuair mi bean, ach an diugh tha mac, airgiod is uan agam ’na cois.” “Tha mi faicinn,” arsa Mairi Bhàn, “nach toir muir no monadh a chuid dhuine sona.” Chaidh Rob do’n t-seòmar-chomhraidh is dh’ innis e do Mhr Tearlach gu’n robh Para Beag ’s a’ chidsin. “Thoir a steach e,” chan Fear a’ Bhaile, oir ’s e duineachan geur-chuiseach sgileil mu chaoraich a th’ ann.” Le droch làimhseachadh a’ bhalaich cìobair a bh’ aca air a’ bhliadhna so bhàsaich móran do na caoraich. Thàinig Pàraig a chainnt ri Fear a Bhaile ’s mu’n do dhealaich iad ghabh e aige air-son na cìobaireachd. “A’ nis a laochain a Phàraig,” arsa a mhaighster, “ma bhitheas tu a’ d’ dhuine stuama, a’ t’ fhear tighe glic, agus a’ d’ chìobair grùnndail, cuiridh mise bò air a casan duit an dràsd, agus aìg ceann na bliadhna a’ h-uile caora aig am bi dà uan gheibh thu fear diubh.” Cha’n urrainn domh tàingealachd Phàraig is a mhnà do Mhr Tearlach seirceil innseadh duibh. Air an t-seachduin so féin thog iad an imrich gu Tighnacloiche. Cosmhuil ri Dorcas o shean bha Mairi Bhàn làn do dheadh oibrean, a’ cosnadh gean maith is gràdh nan eòlach gu léir. B’ i barail gach duine nach b’ urrainn Tighnacloiche tighinn ás a h-eugmhais. Chuir e eilteachas air na h-uile gu’n do ghabh i cùram an tighe uirre air-son bliadhna eile. [TD 165] Bha Freasdal ag ullachadh dàimhean a bu dluithe a’s a bu dìomhaìre air-son Mhairi Bhàin ann an Tighnacloiche. Aig an àm so thòisich ìomhaigh na ban-stiùbhard air àite uaigneach fhaotainn ann an cridhe a’ ghnìomh. ’Nuair a rinn Rob so aithnichte do Mhairi choisinn agus mheudaich gràdh gaol. Luidh a’ chùis mar so gu meadhon an fhogharaidh. Bha Mr Tearlach a’ falbh a’ nis leis a’ chrodh gu monadh Dhùn-Breatuinn. Leig Rob ris inntinn d’ a mhaighster mu’n d’ fhalbh e. Bha Fear a’ Bhaile làn riaraichte leis an ni. “Tha dòchas agam,” ars esan, “gu’m bi Acuila agus Priscila air an ath-riochdachadh a nis an Tighnacloiche. Bha iad ri pòsadh an uair a thigeadh Mr Tearlach dhachaidh. Dh’ fhalbh e féin is na gillean gus a’ Mhonadh. Rinn e margadh maith; air an turus do Ile, thug e féin sgrìob do Ghlaschu. As a sinn ghabh e rathad Ghleanndaruail a dh’ fhaicinn a chàirdean. Bha’ n t Urr. Mr Mac Labhrain ministeir a Ghlinne an dlù chàirdeas d’ a mhàthair. Cha mhòr nach cuala iomradh air Iain, Daniel is Cailean mic ro-chliùiteach, fhòghluimte a’ mhinisteir so. Thug Daniel dearbhadh air gu’n robh mòr bhuadhan inntinn aige; ach chaochail e ’na ghille òg. Bha Cailean air a mheas ’san rìoghachd so is air Tìr-mór na Roinn Eòrpa ’na àrd-chùnntair na linne ’s an robh e beò. B’ e Iain a’ mac a bu sine ministeir cho chomharraichte air-son a dhiadhachd, fhòghluim, farsuinneachd a bhreithneachaidhean agus geòirid inntinn ’s a rugadh fathast an Albainn. Chaochail an athair is am màthair an uair a bha iad ’nan cloinn òig; ach thug bràthair an athar an t-Urr. Daniel Mac Labhrain ministeir Chill-Fhìonain an Cómhall leis iad agus thug e sgoil is ionnsachadh doibh. Chaidh Mr Tearlach mar an ceudna a shealltuinn air ministeir Cillh-Fhìonain. Cha chualas ’s an àm so iomradh riamh air an Iona no air a’ Bhàta Ileach. Dh’ fhalbh Mr Mac Labhrain le a charaid Tearlach Donn cuairt do Ile. Ghabh ìad an t-aiseag air maduinn fhiadhaich deireadh an fhogharaidh á Port a’ Mhaide. O’n bha ministeir Chilla-rudha an rùn na tuaìdhe do Rob Ruadh, chòrd iad gu’n deanadh ministeir Chìll-Fhiònain am pòsadh mu’n tilleadh e dachaidh. Tha mi nis air tighinn gu banais Roib Ruaidh is Mhairi Bhàin. An Fhàrdach Fhroinich, Ile, September, 1873. Is mise, Dheasaiche Rùnaich Bhur Caomh Sheirbhiseach S. L. FAS NA PAPANACHD. Canaidh cuid a dhaoine riut gur h-ann a tha a’ Phàpanachd a’ searg ’s nach ann a’ fàs. Is their iad nach fhaic thu mar a chaill am Pàpa a chumhachd tìmeil o’ cheann trì bliadhna. Ach coma-co-dhiù, tha neart fuileachdach nathrach innte a ni lot sgreataidh mu’n téid a cur gu bàs buileach, is an dràsd tha a’ Phàpanachd a’ sìneadh a mach a freumhan ni ’s tréine na rinn i riamh, gun teagamh le barrachd seòltachd. Tha buidheann anns an Eaglais Phàpanaich ris an abrar na Jesuits, o ainm Iosa—na h-Iesuich. Tha iad so fo bhòi- [TD 166] dean àraidh do’n Phàpanachd; tha iad ullamh a dheanamh nithe cronail ’s am bith ma chuireas sud air a h-aghaidh a Phàpanachd; is iad luchd-comhairleachaidh dìomhair a’ Phàpa, agus tha iad féin umhal dha anns gach ni. Is iad a thug air a bhlaothasdair bhochd teagasg na Neo-thuiteamachd a chur a mach ann an 1870 anns an do thuit e ann an tomhas ’n uair a thug na h-Eadailteach uaithe Baile na Ròimh. Tha na h-Iesuich so ro lìonmhar am Breatunn. Sgìùrrs na Gearmailteich a mach ás an rìoghachd féin iad an uiridh; agus dh’ fhosgail na Breatunnaich am broilleach a ghabhail a steach nan daoine fulachdach so a bhàrr air na thuinich ’n ar measg roimhe. Gabhaidh iad gach cruth air son an gnothuicheann féin a thoirt mu ’n cuairt. Gheibhear iad ag itealaich mu ’n Bhanrigh is mu ’n chrùn ann an cruth dhaoine mòra is mhinisteirean fo ’n ainn Prothastanach. Gheibh thu iad ’n ar n-eaglaisean ag oibreachadh troimh-chéile is truaillidheachd. Tha iad làidir anns a’ Phárlamaid; agus lìonmhor ann an dreuchdan mu Phaipeirean Naidheachd ar rìoghachd. Tha an t-ainm againn gu ’m bheil sinn Prothastanach, ach is ann a tha sinn gu mòr Pàpanach, is sinn dall air a’ chùis. Buinidh a’ Bhanrigh féin do’n bhuidheann anns an Eaglais Shasunnaich a tha ach gann ’n am Pápanaich; agus mur ’eil Mr Gladstone ceann a’ chrùin ’n a Pàpanach, tha e co-dhiù ’n a bhall do’n Eaglais Ghreugaich, meur do’n Ana-Croisd, a réir an Sgriobtuir (vide Anti-Papal League Magazine, Vol. I., No. 5.). A réir lagh ar rìoghachd, toradh gliocais ar n-athraiche, feumaidh a’ Bhanrigh is ceann a’ chrùin a bhi do’n chreideamh Phrothastanach, ach cha ’n ’eil againne an diugh ach an t-ainm gun an tairbhe. Bheir ceann a’ chrùin gach cothrom a dh’ iarradh iad do na Pàpanaich a thogail an cinn ’n ar measg, ’n uair a chluinnear fanoid air a deanadh air fear ’s am bith a thagras còirichean nam Prothastanach. Mar so eatorra tha saorsa ar rìoghachd air a toirt thairis do lámhan fuileachdach Phàpanach a thoisicheas air geur-leanmhuinn cho luath agus a bhios an cumhachd aca, ni nach ’eil fad ás a réir coslais am Breatunn. Thòisich an t-Olc so air fàs le laghan a cheudaich eu-céille nam Prothastanach, ’nuair a thug iad comas ceannach fearainn do na Pàpanaich o cheann còrr is ceitheir fichead bliadhna; agus a ris an uair a leigeadh a steach ann an 1829 Pàpanaich do’n Phàrlamaid agus do dhreuchdan cudthromach eile,—ionadan a tha e ’n a mhòr pheacadh do’r rìoghachd Phrothastanach-ne a thoirt do luchd-iodhal-aoraidh sgriosail mar tha na Pàpanaich. Is e dleasannas Prothastanach lagh 1829 aò chur ás. AN NEUL. Bheir mi frasan ùr’ air son tart nam flùr, O na h-uillt ’s o na cuain; Bheir mi sgàile chaomh gu duilleach nan craobh Feadh an là ’n am bruadair suain. O mo sgiathan tha’n drùchd feadh an áile ri brùchd A dhùsgadh nan eun, [TD 167] ’Tha gu clos air tàrr air broilleach am màth’r ’S i a’ dannsa mu ’n ghréin. Tha mi ’g iomchar dealain sùisd’ na clach-mhealain, ’S a’ gealach’ nan còmhnard gorma; ’S an sin o m’ ruisg tha e ’leaghadh ’n a uisg’, ’S tha mo ghàire ’n a thàirneinich stoirme. Tha mi ’g iomain an t-sneachd feadh bheann is ghlac ’S tha an doireachan mòr’ ri ràn; Mi a’ m’ chodal ’s an oidhch’ an achlais na gaoith, ’Se ’n sneachd mo cheann-adhart bàn. UAIGH CHOUPEIR. Bidh bàird an so le’n crùin mu’n cinn ’s an cridhe tinn gun treòir; Bidh naoimh an so le’n ùrnuigh bhlàth ’s an sùilean fliuch le deòir: Ach caoidh is brùiteachd siùbhladh as, mar thosdachd fhaoin, gun bhròn, ’S an dus gu deimhin thugadh fois do’n fhear d’ an d’ thug e leòn. O bhàird! bheul gun reuson slàn shruth ceòl ro-shlàinteil sìor! O naoimh! rinn làmh gun dòchas greim air crois an dòchais fhìor! O fheara! ’m bràithreachas ribh féin, am fear so sheìnn ’ur ròid Le osna ’chrì dhuibh theagaisg sìth, ’s fo’r gàir’ chaidh e fo’n fhòid! A nis trà leughas sibh a sgeul le deur tais air bhur gruaidh, ’S a chi sibh cruit nam fonn gun ghleus ’s an duibhre ’toirt air buaidh; A sholus-iùil a’ call an deò ’s a cheòl a’ call a chlì,— Ach chi sibh eugas tairis caomh ged bha e bristeach-crì. Buaidh a ghuth naomh-choisrigidh ard ghairm nam filidh binn, Is irioslaichidh crìosduidh séimh chum fàs an séimheachd ghrinn; Bidh ’chliù ’g a seirm aig daoine glic’ ’nan cuimhne feadh gach ré; Bidh ’ainm a chaoidh mar fhocal-gràidh ’se féin an àros Dé. Le tiamhachd thosdaich ach gun ghoimh, air dearcam ’ruith a réis, Le macantachd is taing do Dhia ’thug dachaidh e le spéis, ’S ged cheaduich treis do reul-dì-céill gnùis-bhrat ’chur air a ghaol; Stiùir e an dall gu seinn nan eun fo anail néimh gu faoil. Ghabh esan tlachd mar chompanaich, do mhaighich fhiadh’ch na coill’, Iads’ shealladh càirdeìl air’a’ ghnùis a bha gun lùb, gun fhoill; Fo stiùradh Dhé bha ’n saoghal féin a’ toirt dha géill is fòir, Mnai ’s fir dh’ fhàs ceanalta is suairc’ ’nuair ghluaiseadh iad ’n a chòir. Trà chòmhdaich doille inntinn bhuairt’, ’s nach b’ aithne dha an t-iùil, ’S o sholair freasdal ullachadh nach faiceadh e le shùil; Dìth reusoin dh’ fhàg ro-chianail e, ach thug e fianuis threun, Nach sàsuich ni an t-anam truagh ach Dia nan sluagh e féin. [TD 168] Mar chìochran tinn an uchd a mhàth’r nach aithnich guth a beòil, Trà phògas i a mhala bheag ’g a fionn’rachadh gu fòil; ’S a shùilean fiabhrasachs’ ag ràdh “Mo mhàth’ir, c’ àit bheil mo mhàth’ir?” Oir gaol cho mòr is sùil cho blàth, cha dual ach dh’ ise a mhàin! Am fiabhrus thriall, ’s le geanas crì, sheall e air gnùis an àidh, Bha ’truas ’s a h-iochd gun chaochladh staid, ’s a tuar a’ nochdadh gràidh. Mar so am bàrd o aisling dhùisg, gun dùiseal is gun ghruaim.— Am bàs thug fuasgladh dha gu grad mar aiteal reul no smuain! Cha’n fhaighear samhuil an dùsgaidh so, ged sgrùidteadh ’n cruinne-cé Co-ghleus nan seraph shil ’na chluais ’s iad ’cuartach’ caithir Dhé; ’Anam tra leum do’n ionad-àrd ’s a’ phàilliun dh’ fhàg ’s an uaigh; ’N sin dh’ aithnich esan gnùis AOIN GHRAIDH,—“Mo Shlànuighear! thug buaidh!” FIOS COITCHEANN. Tha Paipeir Naidheachd ùr ris an abrar “The Glasgow News” air tighinn a mach an Glaschu. Tha e air a ràdh gu’m bi brrachd bàigh aige ri fìor Phrothastanachd na tha aig a’ chuid a’s mò d’ a sheòrsa. Bha a’ Bhanrigh ann an Lochaber agus troimh an dùthaich mu’n cuairt air a’ mhìos so a chaidh seachad. Air a tilleadh gu Balmorail chaidh i troimh Ionar-nis mar an ceudna. Tha i gu tric a’ nochdadh a tlachd anns a’ Ghàidhealtachd. Tha an t- Urr. Iain Camaron, a bha an Ceann-Loch air a shuidheachadh ann an Eaglais Sgìre Dhunodhain. Is e Diùc Earraghàidheil is Patron air an sgìre agus ròghnaich e Mr Camaron le aonta a’ choithionail. Tha an t- Urr. an t-Olla Iain Kennedy, Dingwall, a’ falbh air sgrìob do America. Tha a chàirdean ’s an Taobh-Tuath air dà cheud punnd Sasunnach a chruinneachadh ’s a thoirt dha a phàidheadh a chostuis. Tha an Eaglais Shaor ag oidheirpeachadh ri pàidheadh cleachdail nam ministeirean a thogail o cheud gu leth gu da cheud punnd Sasunnach anns a’ bhliadhna. Bha an t-Olla MacLachlainn á Dùn-Eideann is feadhainn eile feadh na Gáidhealtachd a thagradh mu’n chùis. Tha cuid do na Gàidheil a’ fàs ro dhéidheil air a bhi faicinn an Olla Urramaich, gu sònruichte muinntir Ile. Thug an duin-uasal, Mr Bàrd, Ghartserrie, do’n Eaglais Stéidhichte mar thiodhlac leth muilein (£500,000). Cha’n e spiorad Mhr Bàrd, a bha aig an uasal Cheanntireach, a thachair air àrd-Mhaith Cheann-Loch latha, is a thuirt ris mar so: “Tha mi ’g cluinntinn gu’n d’ rinn thu amadan dhiot féin le ceitheir mìle a thoirt seachad a thogail eaglais?” B’i an fhreagairt a fhuair e,—“Is fada mu’n dean thusa amadan dhiot féin air an dòigh sin.” [TD 169] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 11.] Nobhember, 1873. [LEABH. I. AN T-OLLA ASAHEL GRANNT. [Dealbh] Cha bhi e mi-thaitneach do na Gàidheil iomradh goirid a chluinntinn mu mhissionary Americanach aig an robh a shinnsre air tùs ’s a’ Ghàidhealtachd. Rugadh Asahel Grannt ann an Stàit New York ann an 1809. Bha a phàrantan fìor dhiadhaidh, agus chuir siad iad-féin gu dragh mòr a thogail an cloinne ann an eagal an Tighearna. Bha athair Asahel ’n a thuathanach; agus bha dùil gu ’n leanadh Asahel an obair cheudna. Ach is ann a rùnaich am mac a bhi ’na lighiche. Is ann ’n uair bha e dol troimh chuairt an ionnsachaidh a thaìnig an t-atharrachadh sin air a thug e do bheatha is do shaorsa fhìor an t-Soisgeil. Air dha bhi tacun ’n a lighiche agus a bhi faotainn air aghaidh gu math rùnaich se e-féin a thoirt seachad do Chomunn a bha cur an t-Soisgeil gu tìribh céin. Ged nach robh e ach òg bha e nis ’na bhantraich, agus mu ’n d’ fhàg e America phòs e an dara uair té, J. S. Caimbeul, boireannach urramach a bha air a togail o a h-oige chum a seirbhis a thoirt do aobhar an t-soisgeil ann an raonaibh céin. Bha i ro fhreagarrach air son an Olla Ghrannt. Is ann do Ooroomiah ’san Asia, dùthaich Mhahomedach, a shònruchadh e. Ràinig e an t-àite so ann an 1835. Shaothraich e gu h-eudmhor, aìr a chuartachadh le cunnart, am measg nan Criosduidhean Nestoriach mar lighiche agus mar shoisgeulaiche gu 1840. A’ bhliadhna roimhe sin chaill e a bhean mheasail; thug am bàs [TD 170] air falbh i le fiabhrus. Mu ’n do phill e do America ann an 1840 thàinig fiosrachadh goirt eile ’na rathad;—dh’fhalbh a dhà nighin leis a’ ghriùbhlaich. Dh’ fhàg e America a rìs ann an 1841 a philleadh do Phersia. Ré na h-ùine bha e ann shaothraich e gu dian cha’n ann a mhàin an aon àite ach gu farsuinn feadh na dùthcha mu ’n cuairt. Bha meas mòr aig an t-sluagh air air son a chaoimhneis agus a mhaitheis. Agus ann na h-uile dáimh bha esan cuimhneach air soisgeul na riòghachd. Bhàsaich e mu dheireadh ann an 1844 a’ freasdal do luchd-éigin, tinneis, is fiabhruis, ’n a thigh féin. Bha còrr is leth-cheud aige ’na thigh aig Mosul mar chòmhla. B’e an spiorad a ghluais an t-Olla Grannt ’na bheatha, “Feuch, tha mise ’n so, a Thighearna, ciod a’s àill leat mi a dheanamh?” AITHREACHAS. V. Tha geur-mhothachadh air peacadh a’ filleadh ann beomhothachadh air an díteadh sin fo ’m beil sinn uile ’nar luidh an lorg sin, am fianuis Dhè. Cha’ n urrainn peacadh bhi beò ’am féin fhiosrachadh duine sam bith as eugmhais neo-airidheachd no mi thoillteanas phearsonta a dhùsgadh agus a chumail beò maille ris; nis mò a’s urrainn mi-thoillteanas bhi beò ’sa ’choguis as eugmhais beò-fhaireachduinn air diom chothromuich Dhé bhi beò ann an dlùth cheangal ris. Tha e ro-shoilleir gu feum ar beachdan mu ’n pheanas sin a’se toillteanas a’ pheacaidh a bhi dìreach do réìr nam beachdan ata sinn a’ togail agus ag àrach mu thimchioll nàdur a’ pheacaidh fèin. Ma tha ar beachdan mu olc a pheacaidh, mearachdach, no mi-sgriobturail, tha e cinnteach nach tig an là sa’ n abair sinn Amen ri binn Dhé mu thimchioll a pheanais sin a ta e toilltinn. Cha’n ’eil am peacach teachd gu bhi ro-pheacach gu bràth gus am beil an t-anam a cromadh an làthair Dhe fuidh chudthrom a bhreitheanais chothromaich so o bheul Dhè:—“Is e tuarasdal a’ pheacaidh am bás.” Tha am fior aithreachan a seasamh fèin dhìte am fianuis a bhreitheamh ata mar so a làbhairt o nèamh; agus an àite bhi ag amharc air Dia mar mhaighstir cruaidh is ann a ta e ag aideachadh gu’m beil e cothromach ’na uile agartasan agus ’na uile bhreitheanasan. B’ iad so faireachdainnean Dhàibhidh ’nuair a thubhairt e:—“Oir tha mi ag aideachadh m’ eusaontais, agus tha mo pheacadh a’ m’ làthair a ghnàth. A’ d’ aghaidh a’ d’ aghaidh fèin a mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc a’ d’ shealladh, air chor as gu’ m fireanaichear thusa ’nuair a labhras tu, gu’ m bi thu glan ’nuair a bheir thu breith.” (Salm 51, 3-4.) Tha Esra a’ teagasg na puince ceudna ’s ’na briathraibh a leanas:—“A Thighearna, Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn a làthair a thàinig as, mar air an là ’n diugh. Feuch tha sinn a’ d’ fhianuis air son so.” (Esra ix. 15). Agus nach e so mar au ceudna fèin-fhiosrachadh, agus suim aideachaidh Nehemiah as leth a chòmhbhraighdeannaich ’na lethid so chàinte:—“Ach a ta thusa cothromach anns gach nì a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu firinneach, ach rinn sinne gu h-aingidh. (Nehemiah ix. 33.) Tha e mar sin eu-comasach [TD 171] gu’m beil fiòr aithreachas ann am bìth no ’n cleachdadh ’an duine sam bith mar ’eil e gleidheadh agus a gìùlan a bheag no mhòr de spiorad fèin-dhìteadh agus fèin-ghràin. Agus do reir so, chì sinn, ’nuair a ta an t-abstol Pòl a làbhairt air a bhròn dhiadhaidh sin a ta ’g oibreachadh aithreachais chum slàinte do nach gabhar aithreachas, a ta e deanamh mion-iomraidh, air rodhiom, dian-thogradh, seadh togradh-dìoghaltais mar bhuadhan sonruichte a ta dol steach gu domhain ’na nadur cho math agus mar thoraidhean a ta gu cinnteach a’ sruthadh uaithe. “Oir feuch an ni so féin doilgheas diadhaidh bhi oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’oibrich e annaibh, seadh ciod an ro-dhiom, seadh ciad an dian-thogradh, seadh ciod an togradh dioghaltais? Anns gach ni dhearbh sibh sibh féin glan sa’chuis so.” (II. Cor. iii. 11.) Is airidh e thabhairt fanear aig an am cheudna, gur e direach an ro-dhiom an togradh dioghaltais, am fèin-dhìteadh so, dearbh aobhar agus thobar gach aideachaidh geur agus drùighteach air peacadh a ta deanamh suas earran mhòr de sgriobturibh an t-seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaigh. Cha leor e idir gu’m bitheamaid ag àrach a lethid so de ro-dhiom, agus thogradh dioghaltais, nar n’ aghaidh fein. A ta Dia ag iarruidh uainn làn aideachadh saor air ar n’ uile pheacannaibh. Agus a ta cridhe gach fior arthreachain ’ga eigneachadh chum sin a dheanamh. Cha’ n’e miann an fhior aithreachain aon chuid a bhi lughdachadh no folach a chionta o Dhia. Calg dhireach an aghaidh sin, is ann a ta e dian-dheonach bhi dortadh mach gach peacaidh agus agus truaighe ’na làthair, bhi gabhail nàire do ionnsuidh fein air son so uile, agus bhi firinneachadh Dhia anns gach bàgraidh agus breitheanas a ta e cur an cèill ’na ’aghaidh. Geibh sinn do reir sin gu’m beil cuibhrionn mhor de na h-earrannan sin de’n sgriobtur a ta deanamh iomraidh air aithreachas, a toirt mion-chunntas mar an ceudna air aideachadh sluaigh Dhè. “Nuair a bha mi a’ m’ thosd,” deir an Salmadair, “luidh aois air mo chnàmhaibh, le’m bhuireadh fad an là.” Dh’ aidich mi mo pheacadh dhuit, agus cha do cheil mi m’ euceart:—thubhairt mi, Aidichidh mi m’eusaontais do ’n Tighearn; agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. (Salm xxxii. 3-5.) Cho fada ’s a thug e ionnsuidh air bhi ceiltinn a chionta, cha d’fhuair e fuasgladh sam bith; bha lamh Dhé ’ga chumail ann an tròm-dhaorsa; ach nuair a dh’aidich e eusaontais, fhuair e saor-mhaitheanas. Tha so dìreach ann am beo-chordadh ri focal Dhe leis an duine ghlic. “An ti a dh’fholaicheas a pheacanna, cha soirbhich leis; ach esan a dh’ aidicheas agus a thréigeas iad, gheibh e trocair.” (Gnath xxviii. 13.) Nach abair an Tiomnadh Nuadh so mar an ceudna? “Ma their sinn nach’ eil peacadh againn, tha sinn ’gar mealladh féin, agus cha’ n’ eil an fhìrinn annainn. Ma dh’ aidicheas sinn air peacanna, tha esan firinneach agus ceart, chum air peacanna a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.” (I. Eoin. i. 8-9.) EACHUNN CAMARON. [TD 172] DANIEL AGUS A CHOMPANAICH. I. Deadh rùn nan ceathrar ŏganach. Mu thimchioll sè ceud bliadhna is ochd, (608) roimh theachd Chriosd thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin leis am braighdeanas Iehoiacim righ Iudah agus a shluagh. Am measg nan ciomach so bha ceathrar chloinne do chloinn Iudah. B’ e ’n ainmean dùthchasach Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah. Bha aig righ mòralach agus greadhnach Bhabiloin duin-uasal ’na uachdaran os ceann a chaillteanach d’ a b’ ainm Aspenas. Dh’ iarr an righ air an duine so clann a thaghadh air nach bitheadh cioram, ach a bhitheadh maiseach, agus a bhitheadh comasach air seasamh ann an lùchairt an righ. Dh’ àithn e mar an ceudna a’ chlann so a bhi air am fòghlum ann an gliocas agus ann an teangaidh nan Caldéach. Thug Nebuchadnesar sparradh teann do Aspenas e thoirt lòn lathail do gach aon do’n chloinn so do’n bhiadh agus do’n fhìon a bha an righ fein ag òl. Dh’ òrduich e an àrach mar so, agus an ceann tri bliadhna gu’n seasadh iad an làthair an righ chum agus gu’m bitheadh e air a dhearbhabh cò dhiubh a bu mhaisiche gnùis agus a bu ghéire inntinn. Feudar innseadh gu’n d’ thug Aspenas ainmean eile air a’ cheathrar ghillean Iudhach. Air Daniel thug e mar ainn Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abednego. Bha na h-oganaich so a nis fo ainmean Geintileach ’nan coigrich ann an cùirt mhi-bheusach, iodhal aoraidheach Bhabiloin air an cuartachadh le ribidhean is le buairidhean làidir agus lionmhor. An do ghéill iad? An do dh’ fhalbh iad leis an t-sruth? An do dhìchuimhnich iad Dia Iudah? Chi sin o’n eachdraidh. Rùnaich Daniel ’na chridhe nach bitheadh e aon chuid ’na gheòcaire no ’na mhisgeir. Chaidh Shadrach, Mesach agus Abednego’ fo na bòidean ceudna. So againn deadh rùn stuamachd nan ceathrar òganach Iudhach. Tha sinn uile ann an cùirt thruaillidh neo-ghlan an t-saoghail air ar cuartachadh le geòcaireachd is le misg, cuid againn òg, fada o shùil, athar agus mathar, ach do bhrigh gu bheìl sùil Dhé oirnn cha ’n e mhain air ar gluasad o’n leth a muigh, ach air ar cridhe, toisichidh an t-ath-leasachadh cosmhuil ris na h-òganaich so ann an deadh rùn cridhe gu geòcaireachd agus misgeireachd a sheachnadh. II. Soirbheachadh agus toraidhean an rŭin cridhe so. Ann an co-cheangal ris an rùn cridhe so thug Dia do Dhaniel deadh-ghean agus caoimhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach. Seòltachd Dhaniel. Ghuidh Dhaniel air Aspenas gu’n esan agus a thriùir chompanach a bheathachadh air an dòigh a dh’ àithn an righ. Cuiridh sibh mise arsa an duine an cunnart mo chinn o’n righ, oir tha eagal orm nach bi sibh ach caol. glas-neulach, tana agus bochd mur ith agus òl sibh a réir aithne an righ. O’n bha aig Aspenas ri sealltuinn os ceann na cloinne air fad chuir e duine d’am b’ ainn Melsar os ceann Dhaniel agus [TD 173] a chompanach. Thuirt Daniel ri Melsar bhòidich sinne nach truaill sinn sinn-féin le biadh is le fìon Nebuchadnesair, ach air eagal gu’n toir e na cinn do Aspenas agus dhiotsa ma bhios ar coslas-ne nì’s miosa na chlann eile d’ ar seòrsa, dearbh sinn deich làithean le peasair agus uìsge an ceann na h-ùine sin, chithear de mar bhios a’ chùis. Mar a choimeasadh a’ chlann r’a chéile an ceann dheich làìthean bha na balachain Iudhach ni bu mhaisiche agus ni bu shultmhoire air a’ pheasair agus air an uisge, na bha na feadhain a bha ag itheadh nam biadhan blasda agus ag òl na deoch làidir. Shoirbhich leò, thug Melsar doibh á so suas peasair agus uisge. 1. Toraidhean an rùin cridhe, no na bòid so. Thug Dia do’n cheathrar chloinne so deadh-ghean an sùilibh Aspenas agus Mhelsair. Chaidh Dia maille riu ann an ceum an Fhein-aicheadh, agus an Ath-leasachaidh. 2. Bha iad umhal ’nan coguis agus ’nan miann do lagh Dhe air thoiseach air aithne an righ; uime sin bheannaich Dia a’ pheasair agus an t-uisge a chuir maise agus sult air an corp, agus thug e dhoibh eòlas agus tuigse anns na h-uile fhòghlum agus ghliocas. 3. Deadh ghean Nebuchadnesair. An ceann nan tri bliadhna thugadh a’ chlann uile an làthair an righ. Labhair e riu, agus nam measg uile cha d’ fhuaradh aon cosmhuil ri Daniel, Hananiah, Misael agus Asariah. Agus anns na h-uile ghnothuichibh gliocais agus tuigse a dh’ fhiosraich an righ dhiubh fhuair e iad deich uairean ni b’ fhearr, na na h-uile dhruidhean agus speuradairean a bha ’na rìoghachd uile. (Daniel I. 1-20.) RUNAICHE. EAGLAISEAN SHASUINN. A DHEASAICHE RUNAICH.—Bhac cor mo shlàinte dhìom m’ iomradh mu na h-eaglaisean Sasunnach a leanailt anns na mìosaibh a dh’ fhalbh ach a nis air do ’m shlàinte a bhi ann an tomhas air a h-aiseag dhomh ath-thionsgnaidh mi mo chunntas. Air an ath fheasgar Sàbaid fhuair mi mi féin am measg dream ris an abrar na Welsh Calvinistic Methodists. Faodaidh mi ràdh mar an ceudna gu ’n d’ fhuair mi mi féin am measg Bhraithrean, oir ’n an cleachdaidhean agus ’n an modh riaghlaidh tha an eaglais so fìor choltach ri eaglaisean Presbiterianach na H-Alba. Air an aobhar sin cha ’n ’eil teagamh agam nach bi e taitneach do bhur luchd leughaidh iomradh fhaotainn air éiridh agus fàs na h-aidmheil so. Bha cor spioradail Wales o chionn ceud bliadhna brònach air iomadh seòl. Bha chuid mhòr de na h-eaglaisean ’n an codal. Bha eud diadhaidh gun mheas. Bha an eaglais stéidhichte gun an Spiorad agus na h-eaglaisean dealaichte maothbhlàth. ’S an àm so thòisich duine òg do ’m b’ ainn Howell Harris a bha air ùr thilleadh o fhoghlumaid Oxfoird gu dhachaidh ann am Brecon am Wales mu dheas air earail a thoirt seachad o thigh gu tigh. Bha an Tighearna leis. Thainig mòran fo chùram. Chruinnich daoine gu a eisdeachd o gach taobh mu’n cuairt. Bha na h-eaglaisean a bha roimhe fàs air an lìonadh agus ath-leasachadh maireannach air a thoirt gu crìch. Aig a’ cheart àm mu dha fhichead mile o Bhrecon ann an Siorramachd Charnigain bha obair co-ionnan a’ dol air a h-aghart [TD 174] a thoisich air a mhodh so. Bha frith-mhinistear (Curate) anns an àite do ’m b ainm Daniel Rowlands a bha ro eudmhor a chionn gu ’n robh ministear nan Independents ni b’ iomraitiche na e féin, agus chuir e roimhe gu ’n toireadh e barr air n’ am bu chomasach e. Chodhuin e gu ’m b’ e aobhar soirbheachaidh a mhìnister eile gu’n robh e cho àrdfhuaimneach ’s a’ chrannaig agus a chum a bhi mach ’s a mach ris thagh e a chinn-theagaisg o na h-earranan a’s uabharra de lagh Dhe. Bheac-smuainich e orra gus an do dhrùigh iad air a chridhe féin agus anns an staid so thainig e air beulaobh an t-sluaigh a seideadh a mach bagraidhean Iehobha. Thuit crith agus eagal air an t-sluagh agus dh’ eugh iad “ciod a ni sinn a chum gu ’n tearnar sinn.” Ach fathast cha b’ urra Daniel Rowlands a cheist a fhreagairt. Air do dheadh mhinistear nan Independents a thuigsinn mar a bha thaghail e air agus nochd e dha an dith a bha ’n a theagasg; bha bhriathran air am beannachadh agus thainig Daniel Rowlands a mach na mhinistear comasach an Tiomnaidh Nuaidh agus bha bròn na muinntir chiùrrte air a thionndadh gu h-aoibhneas. Mu ’n cheart am ann an Llysyfran an Sìorramachd Phembroc bha ministear òg air a shuidheachadh do am b’ ainm Howell Davies. Bha Spiorad Dhé air agus bha shaothair gu mòr air a beannachadh. Cha do chòrd a theagasg eudmhor durachdach ri daoine mòr na sgìreachd agus fhuair iad a chur a mach as an eaglais. Shaothraich e am fad ’s am fagus a searmonachadh an t-soisgeil. Bha mòran air an iompachadh fodha agus ann an uine ghoirid bha da mhìle do luchd-communachaidh aige anns t-shiorramachd. B’ e na trì soisgeulaichean sin ceud athraichean nam Methodich Chalbhineach ach lean daoine comasach cas air an sàil. ’Nam measg sin bha Mr Williams a sgrìobh ioma dàn milis. Cha’n fhaod mi dol ni ’s faide an dràsd. ISHMAEL IONMHUINN. TIGHNACLOICHE. IV. Ràinig Mr Tearlach is am minister an Tairbeart. ’S ged nach robh ’s an àm so dòigh air fios-dealain a chur o Thirmòr gus an Eilean Ileach bha sè-ràmhach Chaluim òig á Ruadh-phort a’ bualadh a stigh beul Loch an Tairbeirt an uair a thàinig iad an àite seallaidh di. Chaidh na fir air bòrd ’s cha do ruith mòran uairean gus an robh iad teàruinte slàn a stigh am Portasgaig. Mar fhuair iad an cas air tìr cha robh iad fada a’ ruigheachd Thighnacloiche. An so bha furan is fàilte air an cur orra leis gach fear is te a bha air làr a’ bhaile. Bha na gairmean a stigh, là na bainnse air a shònrachadh ’s càirdean air an cuireadh. Fhuair Rob Ruadh agus Mairi Bhàn mòran do thìodhlacan luachmor o’n mhuinntir a fhuair fios na bainnse. Thug Fear a’ Bhaile am fleasgach dachaidh á Glaschu gu bean na bainnse fàinne òir, deise shìoda, agus tonnag ghréis. Cha robh gibhtean na bean-choimhideachd nighean Fhir na Dalach dad air dheireadh. Chaidh am pòsadh a dheanamh le Mr Mac-Labhrain gu rianail òrduil. [TD 175] Thàinig a’ bhanais gu crìch gu modhail sìobhalta stuama, gu làn-riarachail eadhon do na balaich mhìobhail féin. Phill ministeir Chill-fhìonain dachaidh a’ guidhe beannachadh is soirbheachadh do’n lànain òg a bha an toiseach an tigheadais an Tighnacloiche. Bha aon duine do nach d’ thug na nithean so riarachadh, agus b’ e sin ministeir Chilla-rudha. Gidheadh cha do leig aon seach aon a bheag orra. Bha iad a’ giùlan le chéile o’n leth a muigh. Thachair an àm iomchuidh gu’n robh an dara glùn aig bean Phara cìobair, ’s gu de bha so ach nighean. Chaidh an cìobair a chainnt ri Mr Mac Mhuirich dh’ fheuch am baisteadh e am pàisde. Bha ’m ministeir an deifir a’ dol a dh’ fhalbh o’n tigh an là a ràinig Pàraig; ’s cha d’ thugadh e éisdeachd da gus an tilleadh e dachaidh agus an ceasnaicheadh se e. Ach arsa ’m ministeir ri Para Beag, “chuala mi gu’n robh an sionnach ud an Còmhall am measg nan caorach agamsa.” “Gu dearbh féin,” ars’ an cìobair, “shaoil mise nach robh agaibhse ach gobhair.” Air na briathran so dhealaich iad r’ a chéile. Bha mòr mheas aig Fear a’ Bhaile a nis air a’ chìobair, o’n bha e ’na dhuineachan crìonna, glic, stuama a’ toirt an ro-aire d’ a ghnothuch. Aig àm comharrachaidh nan uan choimhlion Mr Tearlach a ghealladh do ’n chìobair. Bha seachd do na caorach aig an robh càraid, ’s mar so ghibht e air Para Beag na seachd uain. Bha mar an cendna a’ bhò a chuireadh air a casan da saor aige aig ceann na bliadhna. Air do’n chùis a bhi a’ cinntinn leis a nis mar bu mhiann leis, bha e duilich nach robh an leanabh fathast baiste. Air dha bhi tighinn dachaidh o ’n bheinn aon là fliuch, cò choinnich e ach am ministeir ’s e air taobh eile amhainn Bheul-an-àth a’ feuchainn ri faighinn thairis uirre, oir bha tuil innte. Bhruidhinn iad r’ a chéile, ’s air do ’n Chìobair a bhi bog fliuch bha e coma ged bheireadh e an t-aiseag da. Thairig e so a dheanamh. “Ma bheir mi sibh thar na h-aimhne” arsa Páraig ris a’ mhinisteir, “nach baist sibh dhomh am pàisde.” “Cha bhi moill ’s a’ chùis sin,” ars’ am ministeir. Sud Mr Mac Mhuirich air muin Phàraig, ach mar bha iad an coileach an t-sruth ars’ an cìobair ris a’ mhinisteir “nach d’ théid sibh gus an tigh a dheanamh a’ bhaistidh.” “Huch,” ars’ am ministeir tha ’n donas ort a nis a Phàraig.” “Gu dearbh ma tha,” arsa Para Beag, “cha ’n fhada a bhitheas,” ’s e a’ tilgeadh a’ mhinisteir am meadhon na h-aimhne. Fhuair an duine còir ás an amhainn gun dochann gun chioram, a rùnachadh a bhi cuibhte ’s an cìobair á so suas. Bha Rob is Mairi a’ faotainn air an aghaidh mar a bu chubhaidh doibh an Tighnacloiche. Nan gabhadh e deanamh ruitheadh na seirbhisich air an uisge a thoileachadh am bana-mhaighstir. Bha i féin agus Bob a’ cur eiseimpleir maith fa’n comhair air Sàbaid agus air seachduinn. Cha robh neach mu’n bhaile nach robh a’ tional a steach do Thighnacloiche moch is an-moch gus an aoradh-theaghlaich. Ann a bhi ag uis- [TD 176] geachadh is ag ùrachadh nam feumach is nan lag bha ’n gnìomh is a bhean a’ fàs ann am farsuinneachd eòlais, an iriosalachd, agus an neart beatha na diadhachd iad fein. Bha beannachadh Dhé a’ deanamh saoibheir ’s cha robh dòruinn a’ teachd na ’lorg. Mu’n do chaochail athair Mhr Tearlach bha e ’na fhear-dreuchd measail ann an eaglais Chilla-rudha. Bha mar so càirdeas is spéis air an cumail suas eadar am ministeir agus Fear a’ Bhaile. Thachair aig an àm so gu’n d’ thug bean a’ mhinisteir dìnneir do nigheana agus do ghillean uasal na sgìreachd. ’Nan measg so bha Mr Tearlach. ’Nuair bha e dol dachaidh chuir e teaghlach a’ mhinisteir gu Tighnacloiche, a’ cur an cuimhne a’ mhinisteir gu’n robh mac òg aig Rob Ruadh an gnìomh r’a bhaisteadh. Gheall Mr MacMhuirich gu’n rachadh e gu Tighnacloiche ’s mar a cheisteachadh e na daoine gu’m faiceadh e de ghabhadh deanamh. Aig an àm shuidhichte ràinig am ministeir Tighnacloiche. Fhuair e gach urram is dlighe a bhuineadh dha o gach creutair a bha fo chromadh an tighe. ’San fheasgar thionail na daoine stigh gus a cheasnachadh. Thòisich am ministeir ’s chuir e Ciod is crìoch araid an duine air mathair-chéile Phara Bhig; abair ris arsa Pàraig ’s e na shuidhe làimh rithe nach do ràinig thu a’ cheist sin fathast. Thuirt i so ris. “Tha eagal orm,” ars’ esan, “mur do ràinig, nach ruig.” “Tha dùil agam gu ruig.” ars’ ise, “oir tha mi beò spioradail fathast.” “Tha eagal ormsa gur h-ann tha thu marbh feòlmhor,” ars’ am ministeir. Chuir e ’n rìs céist a’bhaistedh air Rob Ruadh. Thuirt Rob a’ cheist gu ciùin ìosal, ach gu cothromach glan. Theagamh gu’n robh facal no dhà do’n cheist nach cuala Mr MacMhuirich; oir thuirt e ri Rob le gruaimean cabhagach, “gabh a rìs i, an ann mar sin a dh’ionnsuich am ministeir Còmhallach dhuit i.” Thuirt Rob a’ cheist facal air fhacal mar air tùs. Thubhairt e rìs, gu’n robh e a’ faicinn nach robh no ceistean aig a’ ghnìomh gu ceart; ach gu’n cluinneadh e de theireadh Domhnull Sgoileir am foirfeach mu’n chùis. ’N uair a chuala Fearachur Leòghasach an tàillear a bhiodh ag deasbud a bh’ aca, dh’éirich e ’s an leabhar cheist aige ’na làimh ag ràdh gu’n d’ thuirt Rob Ruadh a’ cheist cho cheart ’s a bha i sgriobhta ’s an leabhar. Air tionndadh do’n mhinisteir dh’fhaoinnichd e do’n chìobair, “a Phàraig, de ’n ùine bha Adhamh ’s a’ gharadh mu’n do thuit e? “Bha e ann co-dhiù,” arsa Pàraig, “gus an d’ fauair e bean, ach tha fios agam gu’n innis sibh féin duinn, an ùine bha e ann as a dhéigh sin.” Cha d’ thuirt Mr MacMhuirich facal tuilleadh is bhaist e a’ chlann. Seachduinn ’na dhéigh so bha ’n cìobair a’ tighinn troimh fhearànn a’ mhinisteir, ’s air da bolgag-losgainn chiatach fhaicinn chrom e, is thog e i. Cò bha ’g amharc air ach Mr MacMhuirich. “Ciod do ghnothuchsa an so,” ars’ esan ri Pàraig. “Tha mi féin,” arsa Pàraig, “a’ cruinneachadh bholgag-losgann, ach cha robh fios agam gu’n tachradh te cho mòr ribhse orm.” “Cha ’n ’eil maith a bhi strìth riutsa, Phàraig,” arsa Fear Chilla-rudha, “dol dachaidh gu maith dhuit gu Tighnacloiche.” BHUR SEIRBHISEACH UMHAL, S.L. [TD 177] SÌNE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL XII. Gu dearbh cha ’n ’eil mise ag iarraidh mi féin àrdachadh arsa Seònaid. Cha d’ rinn mi ni ’s am bith a thoirt aire an òganaich thugam. Bha mi mhàin a’ gluasad gu socrach sìos o ’n bhaile dh’ ionnsuìdh na lèanaidh a’ cheud uair a mheas e ceart labhairt rium, tha mi dearbhta nach mise labhair an toiseach. Ach dh’ amhairc thu air maith a dh’ fhaodta thuirt mi rithe. Dh’ amhairc mi air gun amhrus ars’ ise. Ciod! Cò nach amhairceadh air duin-uasal a bha cho eireachdail. Cha ’n ’eil thu toirt fanear idir cho eireachdail ’s tha e. Agus am bheil thusa smuainteachadh, a Sheònaid, thuirt mi rithe a chionn nach do labhair thu, nach b’ urrainn an duin-uasal so fios a bhi aige ciod a bha gluasad ann a’ t’ inntinn. ’Nuair a bhios sinn feargach nach ’eil ar feirg soilleir ann ar gnùis. Leig thu do t’ inntinn a bhi làn do’n choigreach so. Dh’ amhairc thu air agus ghabh thu tlachd dheth. Chunnaic esan gun amhrus do smuaintean uime a’ t’ aghaidh ged a bha thu ’n dùil gu’n robh iad am folach a chionn nach do labhair thu. Tha uibhir aobhair agad thu féin a choireachadh ’s ged chuireadh tu buaireadh ’na rathad le labhairt ris le dànachd. Tha mi ’g iarraidh maitheanais ort, a Sheònaid, ma rinn mo bhriathran do ghortachadh, ach bu tu bana-chompanach làithean mo leanabachd agus m’ amaideachd agus ged nach robh sinn comhla ach beagan o cheann treis cha’n urrainn mi gun do ghràdhachadh, agus ’s e mo mhiann ma tha e comasach, a leigeil ris duit gu’m bheil thu toirt saorsa duit féin ann an cuid do chùisean a thu ’n dùil a bhi neochiontach, ach a tha eagal orm a bheir peanas là éigin ’nan lorg. Oir ged nach ’eil thu cho fòghluimte ris na h-uaislean, gidheadh dh’ ionnsuidh thu do Bhìobull a leughadh air chor ’s gur h-e do choire féin a th’ ann ma thu aineolach air cionnas a ’s còir do chrìosduidh e féin a ghluasad agus an ti ni am peacadh gur h-ann o ’n Diabhul a ta e. CAIBIDEAL XIII. Seadh! agus ciod am peacadh a chuir mi ’n gnìomh dh’ fheòraich Seònaid. A Sheònaid ìonmhuinn, fhreagair mi, leig thu le d’ smuaintean a bhi air an lionadh le cuspairean ro neo-chothromach. Leig thu do d’ chridhe bhi air a thoirt suas do ’n choigreach so ged dh’ iarr Dia ort t’ aignidhean a leagail air na nithean a ta shuas agus cha ’n ann air na nithe a ta air an talamh. Bhris thu ’n aithne so aig Dia agus tha thu mar sin ’g a’ d’ chur féin ann am mòr chunnart agus mur gairm thu air Dia air son neirt gu buaidh a thoirt air a bhuaireadh so tha eagal orm gu’m fàg thu thu-féin truagh cha ’n ann ’s an t-saoghal so a mhàin, ach mar an ceudna ’s an t-saoghal ri teachd. Cha d’ thug Seònaid freagradh ach sheall i am aghaidh gu geur, agus direach an so bhuail mo bhana-mhaighstir ’s an dorus. Ruith Seònaid g’ a fhosgladh toileach tha mi’ creidsinn crìoch a chur air ar comhradh. [TD 178] Thàinig Mrs Dùghlach a stigh le ròla mòr anairt grinn Eirionnach ’na h-achlais. Air di a thilgeadh sios air a’ bhòrd agus i féin a leigeadh sìos ’na glag làimh ris: A nis a nigheana ars’ ise toimhsibh cò air son a tha mi dol a dheanamh nan léintean sin. Seallaibh an toiseach air cho fìnealta grinn ’s a tha an t-aodach, agus cluinneam an sin cò air a shaoileas sibh a ’s freagaraiche e. Thuirt Seònaid gu’n robh i saoilsinn gu’n robh iad air son Fear a’ bhaile a ’s faisge, agus thuirt mise air son Ministeir urramach na sgìreachd. Ghàir Mrs Dùghlach ’s thuirt i, is i a’ bualadh a làimh air an aodach tha sibh le chéile am mearachd. Tha iad air son duin-uasal a ’s feàrr na aon diubh sin. ’S ìoghnadh leam nach ’eil thusa a’ smuainteachadh air ars’ ise ri Seònaìd. Oir tha mi’ meallta mur e a ’s trice tha ruith a’ d’ aire, is ghàir i’ mach a rìs. Thionndaidh mi gu m’ bhòrd iarnachaidh gun tuilleadh a ràdh agus an ceann treis ghlaodh Seònaid, an saoil sibh féin an leis an òigeir iad. Ma dheireadh arsa mo bhana-mhaighstir; ghairm am marsanta mi a stigh air dhomh a bhi dol seachad agus thuirt e rium gu’n robh an t-òigear ag iarraidh m’ fhaicinn. Cha b’ urrainn mi a’ smuainteachadh ciod am feum a bh’ aig ormsa, ach ’s ann a thaobh nan léintean so a bha e. Tha dithis diubh dhith air air son là na Sàbaid so tighinn air chor ’s a Shìne gu’m feum thu bhi aig t’ obair leis an là. Cha ’n ’eil agad ach an dà là air an son. Cha ’n ’eil mise dol a chuideachadh leat, th’ agam ri dol do ’n bhaile a’ màireach agus cha bu gheadha leam air punnd Sasunnach gun iad a bhi deas aig an duin-uasal so. O Mhrs Dùghlach arsa Seònaid ma leigeas sibh dhomhsa thig mi màireach agus cuidichidh mi le Sìne. Bheireadh e toilinntinn domh a bhi ag obair air son duin-uasail cho eireachdail caoimhneil ris. FOIRFEACH NAN STÒP. Feumaidh sinn focal mìneachaidh a dheanamh mu Alastair foirfeach air an robh iomradh ’s an Aireamh mu dheireadh ann an “Gàidheil Ghlaschu.” Chuir cùis Alastair bhochd smalan air aon no dhà, ni air son am bheil sinn duilich. Bha crith is oillt air a’ h-uile aon gu ’m faigheadh iad Alastair nan stòp ’n an tigh féin. Cha ruigear a leas a ràdh, air do rannsachadh a bhi air a dheanamh, nach ’eil sinn duilich ged nach d’ fhuaradh sealladh fathast air pearsa cho mi-thlachdmhor ri Alastair, cridheil ’s mar a dh’ fheudadh e bhi ’n a uairean. Cho fad ’s a rachadh treòir ar n-inntinn-ne mar Dheasaiche ’s a’ ghnothuch, is e thuig sinn o fhear-sgrìobhaidh “Gàidheil Ghlaschu” gur h-i fìrinn mhac-meamnail a bha e toirt duinn—fictitious truth—deilbh mhac-meamna anns am biodh fìrinn gu gnétheil air a riochdachadh,—anns am faighteadh sgeul, fìrinneach ann am brìgh, air cor neo-shona nan Gàidheal ud nach ’eil fo bhuaidh eaglaiseil. B’ e aire mhinisteirean is luchd-dreuchd a thoirt gu so a bha againn ’s an rùn an uair a dh’ iarr sinn air E. M. L. sgeul a thoirt duinn air “Gàidheil Ghlaschu.” Cha ’n ’eil E. M. L. a nis an Glaschu; cha ’n ’eil e eòlach air caithe-beatha luchd- [TD 179] dreuchd eaglaisean Gàidhealach Ghlaschu, ged a fhuair e eòlas air cor nan Gàidheal mi-chùramach ud aon uair air dha ùine a chaitheamh ’g am fiosrachadh o thigh gu tigh. Mar so cha robh Alastair sònruichte ’s am bith air a chiallachadh leis, ach bha e air son labhairt an aghaidh cleachdadh neo-iomchuidh. Ach ’s urrainn E.M. L. féin a’ chùis a dheanamh ni ’s soilleire. Feudar a ràdh an dràsd, ni a tha dùil a dheanamh fathast, gu ’n do rùnaich sinn sgeul a thoirt air Gàidheil Ghlaschu o’n da thaobh. A chum na crìche so bha dùil againn ri sgeul air “Eaglaisean Gàidhealach Ghlaschu” le ’n obair ionmholta o cheann sè mìosan (!) o charaid ach cha do fhritheil e oirnn fathast—gnìomh-caraid, anns am bheil, tha sinn duilich ri aideachadh, cliù Gàidheil no dha air fhilleadh. Tha an t-Urr R. Blàr, M.A., minister ealanta Eaglais Chalum-cille, a’ cur fios thugainn nach ’eil fear-dreuchd òsdail anns an eaglais aige-san, agus a réir an riaghailtean nach urrainn a bhi. Bhiodh càirdean stuamachd toilichte a chluinntinn gu ’m b’ urrainnear an ni ceudna a ràdh mu eaglaisean eile an Glaschu agus feadh ar rìoghachd. Cha ’n eòl duinn ministeir Gàidhealach a’s mò agus a’s eudmhoire a dh’ oibrich am measg a luchd-dùthcha na Mr Blàr. Nan deanadh na h-uile d’an còir an dìchioll ceudna cha bhiodh na h-uiread ri ràdh mu chor cianail “Gàidheil Ghlaschu.” Cha bhiodh cuid a dh’ eaglaisean an àite no dhà cho falamh ’s an sluagh a’ cadal na Sàbaid ann am mi-dhiadhachd. Gidheadh, tha mòran ag oibreachadh gu h-eudmhor; ach tha tuille luchd-obair a dhìth, maille ri tuille eud agus beòthas o Shuas anns a’ mhuinntir a ta ri saothair. Cha b’ iongantach cluasan Alastair bhochd a bhi ’gan teasachadh re nan seachduinean a chaidh; is iomadh focal saighdeach a loisgeadh orra. Ach o’n tha e-féin agus a bhean air còrdadh os ceann a ghùin-shìoda, a dh’ aindeoin na sùla duibhe a thug e dhi, ’n uair a bha e fo bhuaidh fhearail a’ stuip, tha sinn deònach a leigeadh ás ar beul mar chuspair nach ’eil timchioll-gheàirrte gu leòr gu bhi air ar teangaidh-ne, an dòchas mar an gabh na tee-totalaich na na Deadh Theampullaich bàigh ris a spìonadh á beò-ghlacadh an stuip le còmhnadh Mhòir bhig, gu ’m faic sinn e aon là ag éiridh bog fo’n chanaba fhliuich ’s a’ choithional a dh’ fhaotainn achmhasan bagraidh is tàirneanaich o’n mhinisteir! Ach fòghnaidh na dh’ fhòghnas de dh’ Alastair. O’n ghnothuch so tha ceist no dha’ ag éiridh. An urrainn foirfeach a bhi ’na òsdair? An urrainn do’n aon neach riaghladh aig an stòp is aig a’mhéis? Am bheil fir-bheathachaidh an òil ’nan caillteanaich ann an seadh spioradail? Freagradh na h-uile a dh’ amhairc air Alastair mar losgann cho grànnd. Tha an fhreagairt so againn féin. An ni a dh’ òlas am ministeir feudaidh am foirfeach a reic; da ni aig am bheil ùghdarras, ceart no ceàrr, o lagh na rìoghachd agus o chleachdadh. Fhad agus nach bi nàire air a’ mhinisteir òl cha ’n ’eil sinn a’ faicinn cionnus a ruigeas foirfeach no fear eile nàire ghabhail an stòp a shìneadh dha. Fhad agus a mhaireas na nithe so gheibh sinn seula lagh na rìoghachd agus a’ chreideimh air dorsa fàrdach foirfeach nan stòp air sràid chùil no bheòil. [TD 180] GÀIDHEIL GHRIANAIG. A Dheasaiche Chaoimh—Air dhomh a bhi o cheann ghoirid air chuairt ann an Grianaig bheir mi dhuibh sgeula aithghearr air Gàidheil a’ bhaile sin. Tha ministeirean nam bailtean mòra gun teagamh a’ saoithreachadh gu dìleas agus gu coguiseach am measg nan Gàidheal, ach a dh’ aindeoin gach dìchioll is oidhearp a ta iad a’ deanamh dh’ fheumadh a’ h-uile ministeir Gàidhleach ’s na bailtean mòra farsuinn so fear cuideachaidh no dhà a bhi maille ris mu ’n urrainnear ar luchd-dùthcha a tha ag aomadh a steach gu lathail is gu bliadhnail a lorgachadh a mach. Ni cor is suidheachaidhean an teaghlaich a leanas a’ phuinc so gle shoilleir. Tha deich bliadhna an ama so o’n chaidh Iain Saor, a bhean, is a phàisdean fhògradh as a’ Ghàidhealtachd. Aig an àm ud ghabh Uachdaran fearainn sinnsireachd Iain nòs milaghail ’na cheann a los faotainn cuibhte ’s na daoine bochda is an tuath bheag. Chaidh choiteirean, croiteirean agus tuathanaich bheaga a sgiùrrsadh a mach gu h-ain-iochdmhor a tighean blath is a dachaidhean cuimhneachain nan iomadh ginealach chum tuathanachais mhòra, gabhaltais fharsuinn chaorach agus raointean seilg air son Ghall is Shasunnach a dheanadh do bheanntan, do ghleanntan agus do mhachraichean torach dùthchasach nan Gàidheal. Cha do stad a’ chluiche fàsachaidh so gu buileach fathast, oir tha dùil aig na h-uachdarain gur leòtha féin “an talamh is a làn, an domhan is na bheil ann.” Ach fàgaidh mi an dràsd rùsgadh is sgrùdadh na ceisd so an làmhan sgileil cruaidh-chathach Deasaiche cliùiteach an Ard-Albannaich. Ach gu pilltinn ri m’ sgeul. Dh’ fhàg am maor-fuinn is an fhearsaid bàirlinn laghail ach gu modhannail, mhi-laghail aig Iain Saor an tigh is a chroit fhàgail air a leithid so a’ latha. Bu chiùirrteach, bristeach-cridhe Iain is a bhean le’n seisear chloinne a’ fàgail na làraich air an do rugadh naoitheamh ginealach. Sealladh eile fathast do ghàradh le a lusan cùbhraidh, sùil air an stòl mhòr air a b’ àbhaist do na pàrantan suidhe air feasgar bòidheach Sàmhruidh is a’ chlann a’ cluiche gu fallain, furanach mu’n glùin. B’ éigin géilleadh is falbh. Rànaig Iain is a theaghlach Grianaig—ghabh e tigh, ach air dha bhi ain-eolach ’s a’ bhaile, gun eòlas air duine, no c’ àite an rachadh e dh’ iarraidh obair, bha e mìosa no dhà mu’n d’ fhuair e cosnadh. Fadheòidh ghabhadh e steach mar Shaor ann an gàradh togail bhàtan. Ach air dha bhi ’na choigreach ’s gun bhi làmhach air a mhodh saorsainneachd so cha robh a thuarasdal ach beag. B’ eigin da a nis tòiseachd air a bheagan a bh’ aige air cùl a làimhe a bhi ’g a lughdachadh a bheathachadh an teaghlaich. Gun luchd-truais no comhfhurtachd le teaghlach trom lag bha Iain bochd ’g a shàrachadh, cha b’ fhada gus an robh mionach an sporain lom spioilte is gus an robh e an crochadh air na choisneadh e. Cha cheannaicheadh a phàidheadh a nis lòn iomchuidh air son a thighe. Cha robh làmh aige air an tionndadh e, le bana-chompanach a bheireadh am mìr a bu chòir di a chur ’na beul féin d’ a gineal, ’s le maothrain acrach timchioll air, bha goimh gheur ’na [TD 181] chridhe ’g an faicinn an uireasbhuidh. B’ éigin a nis buill do’n airneis a reic. Thàinig droch fhiabhrus do’n tigh luidh a bhean is triuir do’n chloinn. Dh’ fheuch e ri so a chleth air eagal gu’n tugta uaithe iad. Cha ghabhadh so deanamh. Thugadh i féin is an triuir bheaga do’n Tigh-eiridin. Theich am balach a bu sine air falbh le soitheach. Dh’ fhàs an dithis chloinne bha maille ris tinn, riu so cha dealuicheadh e, fhritheileadh e dhoibh, sholaradh e air an son. Bha e rùisgte falamh gun bhiadh gun aodach. Bhris air a shlàinte. ’S a’ chor so sheall am baile air. Bha e tacun nach b’ urra e tighinn as an leabaidh. Bha ’bhean is a chlann a thugadh uaithe cho snaidhte lag, gus nach do sheas i féin agus dithis diubh fada ris an fhiabhrus. Chaochail iad ’s an Tigh-fhiabhruis. Tha bean ghaoil is clann ghràidh Iain Saor adhlaicte an Grianaig—cha’n ’eil fios aig air an uaighean—coigrich chuir fo ’n fhòid iad. Cha’n fhaca Iain ré uile laithean a thrioblaid ministeir no eildeir air làr a thighe. Le corp euslan is cridhe briste cha chuir Iain Saor làmh slàn air a chraicionn gu là a bhàis. Nach ’eil riaghlairean fearainn is eaglaisean cùnntasach air son na nithean so. E. M. L. AISLING BHALSASAIR. Bha ’n rìgh air chathair-rìgh, ’s a Shàir ’na thalla sòir; Os ceann na féill bha li mìl’ lòchran le an glòir. Am mìle copan òir, bha ’n Iudah fo naomh dhìon An tigh Iehobhah mhòir, aig Geintleach borb fo fhìon! ’San uair ud féin ’s an talla, tháinig meuran láimh A mach an aghaidh bhalla, ’s sgrìobh mar air an tràigh; Ruith meòir na làimhe daonn’ leo féin o cheann gu ceann, Na focail sìos gach aon ’g an tarruing mar le peann. A Mhòrachd sheall is chlisg, is bhac bhi ait air ball, Le ghnùis fo neula grìs, ’s le tréine ghuth air chall: “Faigh Draoidhean glic ar tìr, na saoi a’s àirde ’n eòl A mhìneach’ brìgh an sgrìobh a mhill d’ar rìgh a cheòl.” Tha Draoi Chaldea treun, ach leo-san cha tig sgeul; An sgrìobhadh fath’st neo-leught’, is ’oillt gun chur an céill; Tha sean fhir Bhabheil glic, le breithneach’ geur gu leòr; Ach nis tha iad gun bheachd sheall ’s cha do thuig an còrr. Tha ciomach òg ’s an tir a chuala reachd an rìgh; An coigreach leugh an sgrìobh, is dh’ ìnnseadh leis a bhrìgh; Na lòchrain bha làn soills’ mu ’n sgrìobh a chuir e ’n céill; Do leugh se e ’s an oidhch’ ’s a’ mhaduinn dhearbh an sgeul. “Tha uaigh Bhalsasair deas, dh’ iadh rìogh’chd ás’ na h-aon bheum; Do thomh’seadh e ’s a’ mheigh, is fhuaradh e gun fheum. ’S e ’n t-eudach-mairbh a shròl, ’s fo’n lic tha cuairt a rùin, Am Medach ’glac’ a chòir, ’s am Persiach a chrùin!” [TD 182] SGOILEARACHD GHÀILIG. Tha iad lìonmhor a tha ag agradh còir air an tiodal Sgoilear Gàilig. Ach cha’n’eil iad idir cho lìonmhor d’am buin a’ chòir. Ràinig gearan no dhà sinn a rìs agus a rìs air suaraichead Gàilig na Brataich. Is ann o’n cheud fheadhainn a thàinig an fhuaim ro spìdeil mhòr-chuiseach so. Thuig sinn uatha gu’n robh iad a’ deanamh gàire fanoid air neo-chomasan Deasaiche is fir-sgrìobhaidh na Brataich. Cha robh àrach air; tric ’s mar a bha sinn a’ cluintinn fà-fhuaim nan geur-chuiseach. Bha sinn gun teagamh faireachdail air iomadh teachdgeàrr. Bha ar sùilean fosgailte do mhearachd clobhualaidh is litireachaidh nach bitheadh ri ’m faotainn na’m biodh ùine againn gach focal a rannsachadh leis féin, agus na’m biodh cainnt nam beann aig a’ chlobhualadair. Mar a thig do dhaoinibh ciallach anns gach là agus dàimh cha robh sinn idir ’n ar doill os ceann toraidhean ar laigse; ach nìor robh sinn air an làimh eile ’nar cìolagan tur gun sgairt. do nach b’ eòl an neart a bha annta, agus a leagadh an cinn ri taobh a’ bhalla cosmhuil ris na coin leisg ’n uair a thòisicheadh iad air tabhunn. Faireachdail mar so air ar laigse agus air ar neart, sùileach air ni no dhà umainn féin is mu fheadhainn eile, dh’ éisd sinn gu fulangach ri spìd agus tarcuis chàirdean is choimheach. Is ann troimh fhulangas a thig foirfeachd; agus bha sinn uime sinn toileach an t-slat sgiùrrsaidh a ghiùlan, ma’m biodh a’ chrìoch air aon chor a chum cliù ar sinnsre,—ma’m biodh ainm a’ Ghàidheil ’ga chumail suas. Bha sinn ag aslachadh le beul-bochd oirnn iomadh uair air cuid diubh sud an tréine féin a nochdadh ann ar cuideachadh; ach cha deanadh iad ach tabhunn; ar fàilteachadh le comhartaich ’n ar teachd gu’m baile. Cha d’thugadh iad duinn làmh chuideachaidh; agus air ball thionndadh iad oirnn, c’arson nachd d’rinn sibh mar sid agus mar so e? Mar gu’n abradh iad na’m biod sinne ’na cheann ’s ann air a bhiodh an loinn! Ach ciod an t-ioghnadh. Nach ann mar so a bha nithean an làithean ar n-aithriche? Fhreagair iadsan an gearan conach (cynic) ud leis a’ ghnàth-fhocal,—saoilidh am fear a tha ’na thàmh gur h-e féin a’s feàrr làmh air an stiùir. Mur téid againne air stiùradh gu Innis-nam-Flath, tha sinn dearbhta ás gu’n deanadh na cynics so longbhriseadh air cladach neo-fhaoilteach Innis-na-Fròine. Ach cha ruig neach a leas eagail a bhi air; tha iad so tuilleadh a’s leisg an làmh a chur ris an stiùir. Rinn sinne an oidhirp; mur soirbhich leinn fàgaidh sinn am bàta far an d’ fhuair sinn i. Aig cuid diubh so tha spiorad losgann grànnd a theicheas do na tuill is do na frògan ’n uair a lasas solus a’ ghràidh bhràithreil no fhineadail. Ged is ann o’n aon athair Abraham a tha sinn uile is ann a chluinneas tu nach fheud comunn a bhi aig na h-Iùdhaich ris na Samaritanaich. Is ann do’n Eaglais Stéidhichte am fear ud, fan bhuaithe; is ann do’n Eaglais Shaoir am fear ud, na bi gnothuch agad ris. Ma ta b’e ar rùn féin fo ’n Bhrataich solus gràidh a dhùsgadh; chum agus gu’m faiceadh an dithis ud aghaidh ri aghaidh ann an gaol tàthaidh, agus gu’n tigeadh iad gu bhi ’nan aon fheòil. Ach gheibhear gu tric seana chnuachdain aig am bheil an claiginn greannach cruaidh, [TD 183] agus an aignidhean air caitheamh ás, a tha làn de dh’ eud salach ri suiridh ghaoil de ’n t-seòrsa ud. Ach n’an tilgeadh an Giullan Stéidhichte dheth a’ chuing ud a chuir “leasraidh rìoghail is cinn-fheadhn’ an t-sluaigh air,” agus gu’n leigeadh a’ Chaileag Shaor, maille r’a Piuthair Bhig, dhith an stod ceannairceach a ghabh i, cha ’n ’eil sinn a’ faicinn cionnus nach fhaodadh lànain òg eaglaiseil a bhi againn an Alba nach fhacas riamh fathast a leithid. Tha sinn cinnteach gur h-iomadh Gàidheal a sheinneadh gu cridheil “Mo Mhàiri Bhàn Og” os ceann ceangal nan Cléirean! Ach a thaobh nan Eaglaisean deanadh iad mar a chì iad féin iomchuidh; cha ghabh sinn gnothuch riu; is ann gu sònruichte mu Sgoilearachd Ghàilig a tha an cùisean a’ tighinn ’n ar sgeul. Bu mhiann leinn Sgoilearachd Ghàilig fhaicinn a’ tional ás na h-Eaglaisean agus a’ tighinn a mach ’na h-aon. Le còmhnadh beag o na-h-Uilleimh Urramach, fhòghluimte, MacLachlainn is Cléireach, le focal sgeòil o Chaimbeulach Ile, Gàidheal fìor sgeul-iomraiteach; o na h-Urr. A. Stiùbhard is A. Camaron; o na h-Urr. A. Mac-an-t-Saoir is U. Ros; maille ri tréin eile a tha ag éiridh timchioll na Brataich, A’ Ghàidheil, agus an Ard-Albannaich,—le còmhnadh beag uatha so uile ann an aonadh, mu aon chuspair aig uairibh, nach bu mhòr toradh an gnìomh? Tha dùil againn a’ chuid diubh nach d’thug còmhnadh sònruichte roimhe so duinn féin gu ’n toir ’na dhéigh so, gu h-áraidh na h-Urramaich, o ’m bheil sinn ag agradh cuideachadh mar chòir. Do ’n mhuinntir so cha ’n àicheidh an sgrùdaire a’s géire an tiodal Sgoilearan Gàilig; cuid diubh a rinn obair a bhiodh ’na mòr mheas ann an dùthaich ’sam bith. Uatha so agus o leithid Ughdair “Eachdraidh na h-Alba,” a rinn mar fhìor Ghàidheal ruinn, cha d’ fhuair sinn gearan ’sam bith. Is iad feadhainn a tha tur aineolach air freumh-chur agus snaim-cheangal na Gàilig a bu mhotha geum; a’ fìrinneachadh gliocas ar sìnnsre gur “labhrach na builg fhàs.” “Clanna nan Gàidheal gu h- uaibhreach ag éiridh; “Clanna nan Gàidheal ri guaille a chéile.” SGRÍOBHADH CARRAGH-CUIMHNE UAIGH ALASTAIR. “An so tha cnámhan Alastair thruaigh A’ dol ’nan luaith le tiormachd mhòir; Bu lùghmhor iad air bruacha Chluaidh An uair bha ’n t-Uisge Beò ’nan còir. Air Eaglais cha chuir dragh ni ’s mò; ’S nach tòir i deur ri òl domh féin; Oir ged a’s toil leath’ ’n t-Uisge Beò Mu stòp, ’na beachd, tha fàile breun. Bha mis’ ni b’ ionraice, mo chuspair gràidh B’e ’n t-Uisge-Beò, cho math r’a stòp an àidh.” A.D. 1900, Aet. 3344. [TD 184] LAOIDH. A Thighearn thoir gràs A bheir mi á sàs Nan olc a rinn tràill do m’ chrì; Biodh fuil naomh an Uain Mar fhrois o na cuain ’Gam neartach’ le buaidh ’s mi sgìth. O ’s aithne Duit Féin An salachar breun A rinn mi gu léir cho truagh; Dean glan o gach smal Is dean mi ro gheal Anns an fhuil a tha làn de bhuaidh. Biodh anail Do ghaoil A’ séideadh gu faoil Air farsuinneachd raoin mo chrì; A steach ann Ad dhàil, ’Nam luidhe fo D’ sgàil, Bi D’ neart domh gach là ’s mi sgìth. FIOS COITCHEANN. Tha an t-Urr. S. MacMhaolain ri bhi air a shuidheachadh ann an Cill-a-choman. Thug an t-Urr. an t-Olla Masson, an Dunéideann, co-cheangailte ri Comunn Gàidhealach Ghrianaig, seachad Oraid mu Ghàidheil Chanada, a bha comasach agus fior thaitneach, làn do eòlas ion-iarrtusach air ar luchd-dùthcha air taobh eile a’ chuain. Air a’ mhìos a chaidh thugadh tiodhlac luachmhor leabhraichean do Mhr. U. MacAoidh, Rùn-chléireach a’ Chomuinn Ghàilig an Ionar-Nis, air dha bhi fàgail a dhol do Dhùnéideann. Bha soirbheachadh a’ Chomuinn gu mòr ri fhaotainn an comh-cheangal ri saothair shùrdail Mhr. ’IcAoidh, uasal òg a tha ro threun ann an gnothuichean Gàidhealach. Fhuair an Comunn làmh ro-fhreagarrach, ’na àite á cuideachd an “Ard-Albannaich.” O cheann ghoirid thug Gàidheal òg tapaidh eile, Mr. I. MacAoidh, M.A., seachad òraid ionnsaichte ealanta ann an talla Ghordon Street, an Glaschu air a’ “Ghàidhealtachd.” Thug e iomradh ro theagasgail is ùr air cruth an fhearainn (geology), an sluagh, ’s an cànain. Bha e iongantach a chluinntinn gu’m b’e Leòdhas, ceàrn a’s sine de ’n chruthachadh. Bha Comuinn Chaidreach o cheann ghoirid aig Teampullaich Ghrianaig (Talla Temperance Institute) is aig feadhainn Ghlaschu (Talla St Clair Masonic) a thàinig a mach ro shoirbheachail, gu h-àraid an Glaschu. Bha A. T. F. Fàrdach Fhinn (N. MacNeill) ’n a cheann-suidhe ’s an dà àite. [TD 185] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 12.] Desember, 1873. [LEABH. I. FEUCH AN T-UAN. [Dealbh] Air a’ chuspair so o’n d’ thug sinn na smuaintean a leanas sgrìobh an t-Urr. Iain Dòmhnullach Chalcutta, mac Dhr. Dòmhnullaich na Tòiseachd. C’ àite agus cò leis a thòisicheas mi? Tha ’n t-siorruidheachd mar gu ’m biodh i an crochadh air mo pheann. Mur bhitheadh gu ’m bheil an Spiorad Naomh ’g am dheanamh comasach air m’anam a thaiceachadh air nithean nèamhuidh agus spioradail agus. gu sònruichte air feartan éifeachdach an Ti sin a tha air àrdachadh gu aithreachas agus maitheanas pheacanna thoirt seachad cha sgrìobhainn facal. As m’ eughmais-se cha dean sibh ni ’sam bith. Tha a’m’ chridhe, a charaid, feachd do fhaireachduinean troimhe-chéile. Tha mo chor uile air a thoirt a mach ’san aon fhocal so as-ereideamh. Tuigidh mi do shuidheachadh; oir bha mi féin ’s a’ chor cheudna. Bha fios agam cò ann a bu chòir dhomh creidsinn, ach an gnìomh so cha b’ urrainn domh a dheanamh. Bha mi an dùil nach b’ urrainn domh còir fhaotainn ann an obair chrìochnaichte Chriosd ás eugmhais-san. Uime sin an déigh dhomh creideamh fhotainn shaothraich mi—ach bha so uile an dìomhain. Nach e creideamh dol a mach an anma ás déigh cuspair? Agus dé mar ni e so mur bi e air a dheanamh deònach agus comasach air beachd-smuainteachadh air a’ chuspair sin? So suim na cùis gu h-iomlan—gu’m bi an t-anam gu léìr air a thionndadh gu sealltuinn air a’ chuspair so a mhàin; cha’n fheud an t-anam car aon mhionaid amharc air féin, [TD 186] ach a mhàin an rathad a’ bhi a’ cuimhneachadh air a staid sgriosta thruaigh. ’Se ’n neach sin a mhàin aig am bheil dearbhadh anma air feirg Dhé an aghaidh peacaidh a chuireas a dhòchas an Uan Dhé. Thigibh a m’ ionnsuidh-se sibhse uile a ta ri saothair agus fo throm uallaich. Thig thusa, dhuine bhochd, a dhuine chiurramaich, a dhuine dhoill, agus fhir bhacaich; Thig mar a tha thu, oir a ta na h-uile nithe nis ullamh. Dh’ fhuiling mise deir Iosa, làn pheanas a’ pheacaidh air a’ Chrann-Cheusaidh, làn riaraich mi agartasan ceartais m’ Athar, shàsuich mi uile bhuadhan na Diadhachd air son gach peacach leis am miann a bhi air a theàrnadh, dh’ ullaich mi dòigh air son do pheacadh a dhearbhadh ort, cho maith is air son réite dheanamh air son do chionta. Thig agus ann an teachd gheibh thu aithreachas agus iriosalachd. Bhàsaich mise air son naimhdean ceannairceach—cha’n ann mar aithreachain bhristeach-cridhe. Thìg, uime, sin do m’ ionnsuidhse, tilg thu féin orm, earb àsam, agus cha’n’eil dad a dhìth ort mu’n d’thainig thu, nach faigh thu mar a thig thu. “Air an là dheireannach, là mòr sin na féisde, sheas Iosa, agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach ’sam bith, thigeadh e m’ ionnsuidhse agus òladh e.” “FAN MAILLE RUINN.”—LUC. xxiv. 29. Grian m’anama ’s Tu, Fhir-Shaoraidh ghràidh, Cha n’ oidhch’s Tu dlù le dealradh àigh, O’n ùir na bacadh neul o’m shùil Gu faiceadh d’ òglach Thu chum iùil. ’Nuair ’bhraonas ciùin tlà dhriùchd na suain Gu m’ rosgaibh claoidht’ le caithris bhuain; Mo smuain mu dheireadh biodh mu m’ thàmh Air uchd m’ Fhir-Shaoraidh ’s m’ fhois gun phràmh. O mhoch gu feasgar fuirich leam; Gun Thus’ mo bheò cha bhiodh aon am; ’S an oidhch’ orm teann, fan leam an tràs, Gun Thus’ cha n’ fhaod mi dol gu bàs. Aon chlì do d’ chloinn ma rinn, mo Dhia, Dìmeas an diugh air guth a Thriath, Tog ort gu gnìomh, a Dhia led’ ghràs, An ciont na leig leis luidhe ’n sàs. Fritheil air tinn ’s dean saibhir bochd, O d’ thaisg-thigh fial-s’ dean dìon do nochd— ’Nochd biodh ciùin shuain aig luchd na caoidh Gu suaimhneach sèimh mar thàmh nan Naoidh. Thig dlù ’s ’nuair dhùisgeas beannaich sinn, Mu ’n gabhar ceum troi’ ’n t-saoghal leinn, Gus ann an cuan do ghaoil air nèamh Am faigh sinn fois ’s nach fairich feum. EAD. A. M. [TD 187] SÌNE CHAIMBEUL. CAIBIDEAL XIV. Gu robh maith agaibh a Sheonaid arsa mise cha’n’eil feum air cuideachadh agam. Am faic thu sin thuirt mo bhana-mhaighstir tha leithid do thlachd aice bhi ’g obair do’n òganach sgairteil so ’s nach ’eil do chuideachadh a dhìth uirre a Sheonaid, agus ghàir iad le chéile, ach cha téid mise thairis air an comhradh mi-chiatach. Bha Seonaid a’cur roimpe gu’n cuidichidh i mi, agus air dha bhi nis ro an-moch thug Mrs Dùghlach cuireadh do Sheònaid fuireachd ré na h-oidhche. ’Nuair a chrìochnaich mi m’ iarnachdh ’s thug mi dhoibh an suipeir dh’ iarr mi cead dol a luidhe oir bhi mi sgìth d’an comhradh faoin suarach. Air dhomh faotainn am aonar ann am sheòmar beag lùb mi mo ghlùn agus ghuidh mi air mo Shlànuighear mo chuimhneachadh agus mo ghleidheadh o bhi air mo thruailleadh leis an t-saoghal olc a ta làthair. Dh’ éirich mi gu moch ’s a’ mhaduinn agus bha mi aig m’ obair m’an d’ thàinig Mrs Dùghlach agus Seonaid a nuas gu’m biadh. Cho luath ’s bha sin seachad chaidh mo bhan-mhaighstir a mach agus shuidh Seònaid agus mise aig ar n-obair fa chomhair an doruis. Bha sinn car ùine ’n ar tosd ma dheireadh thug Seonaid ’s i tilgeadh sìos a h-obair a mach ás a pòca crioman do shìoda air oibreachadh le deilbh lusan air uchdar agus shìn i dhomh e a’ feòraich dé mar bha e taitneadh rium. Tha e arsa mise ro bhòidheach. Nach miannaicheadh tu deise dheth ars’ i rium. Cha mhiannaicheadh arsa mise, cha fhreagradh deise shìoda gu ro mhaith ri m’ staid iosail-se mar shearbhanta thuirt mise. O’n a’ s seirbheasach a th’ annadsa ars’ ise feudaidh nach freagair e dhuit, ach bithidh deise dheth air mo dhruimsa ’n uine ghoirid. Tha aon aig Mrs Hall r’a reic a tha cho maith ’s bha i riamh agus gheibh mi i air deich tastain fhichead. Deich tastain fhichead arsa mise, dìreach beachdaich air an airgiod a tha sin, cha tig an là chuireas tu ri chéile e. Ciod a’ bhacas mi arsa Seonaid, thug mi deich tastain ann an toiseach pàidheadh air a shon do Mhrs Hall cheana, agus cha’n’eil eagal orm nach téid agam air deich eile thoirt dhi an ùine ghoirid. Ach cha’n fheud thu smid a ràdh rium oir cha’n’eil mo mhàthair ri fios fhaotainn air an dràsd. O Sheònaid fhreagair mi, ciod tha romhad a dheanamh, ciod an rathad air an urrainn duit an t-airgiod fhaotainn an ain-fhios do d’ mhàthair. Am bheil thu cho suarach amaideach ’s do mhàthair a mhealladh air son deise shìoda. O cha ruig thu leas ars’ ise cha’n eagal domh. Leigidh mi fhaicinn do m’ mhàthair mo dheìse cho luath ’s gheibh mi i agus their mi rithe gu’n do phàidh mi i ás an airgiod a fhuair mi o bhràithrean ’so pheathraichean m’ athar ’s mo mhàthair maille ri m’ sheanair ’s a bha mi cruinneachadh o cheann fhada. Cha’n fheòraich i mòran cheistean oir bithidh i toilichte m’ fhaicinn cho sgiamhach. Ach an urrainn thu dol gu h-aitheasach air t’ aghaidh a chur corruich air Dia agus a thoirt a’ char ás do mhàthair, gu bhi air do pheanasachadh gu sìorruidh anns an t-saoghal ri teachd agus so uile air son deise shìoda a chaitheas air falbh ann am bliadhna no dhà gus nach bi feum tuilleadh innte ach a tilgeadh air falbh. A thaobh a’ char thoirt [TD 188] ás mo mhàthair arsa Seònaid cha’n’eil e cur mòran dragh orm oir cha bh mi deanamh uirre ach mar a’s gnàth leatha féin a dheanamh air càch, eadhon air a càirdean a’s dìlse, oir cha’n’eil là a’ dol seachad nach ’eil i toirt a’ char á aon éigin d’ a luchd-tathaich, agus air son bhreugan cha’n’eil suim aice dhiubh ma ’s e gu’n dean i sgillin no dhà. SOLUS O’N IAR. LEIS AN URR. U. MACGILLEBHRA, D.D. Aig àm rìgh Artuir agus a Ridirean ainmeil tha dearbhadh againn gu ’n robh Breatunn is Eirinn air an riaghladh le Prionnsan Gàidhleach. Tha e taitneach teine ceangail eile fhaotainn eadar Gàidheil na h-Eòrpa agus feadhainn na h-Alba (mar a ghairte an dùthaich so ’s an àm ad) ann am pàrantan an Naoimh Pàdruig—bha athair á Strath-Chluaidh agus a mhàthair á Armorica. Is ann ás a’ cheàrn ud de ’n Fhraing a bha Pàdruig air a ghoid agus air a ghiùlan do Eirinn. Bha e air dol an sud le a mhàthair, an déigh bàs athar, agus ’nuair a bha e cluich ’n a bhalach air an tràigh, bha e air a ghlacadh le buidheaun do chreachadairean Eirinneach a thug dhachaidh leo e, agus a reic e mar thràill do aon do na Flathan Eirinneach. Gun dol a steach ni ’s faide ’n a eachdraidh (air nach ’eil ùine againn an dràsd) is leòr a ràdh gu ’n robh aig na h-àitean-àraich mànach air an robh e ’na mheadhon a dhaingeachadh an Eirinn a leithid do bhuaidh air cliù an t-sluaigh gus an d ’thàinig an dùthaich gu bhi fo ’n ainm “Insula Sanctorum,” no “Eilean nan Naomh.” Is ann an aon do na h-áitean-àraich so a thogadh agus a dh’ ullaicheadh Calum-cille air son na h-obair mhòir a thug e gu crìch am measg nan Gàidheal Albannach. Ach mu’n téid sinn a steach air an so, a’ chuibhrionn gu fad a’s soilleire do eachdraidh na Gàidhealtachd, tha e iomchuidh gu ’n tugainn fainear gu’n d’fhuair an Soisgeul slighe do Albainn fada roimh àm Chaluim-chille no Phàdruig. Ma dh’ fhaodas sinn na bheil air a ràdh le cuid do ar n-eachdraidhearan eaglaiseil bha Breatunn air fhiosrachadh glé thràth le solus a’ chreidimh Chrìosduidh. Tha Boece agus Buchanan ag ràdh gu’n robh an deadh sgeul air a thoirt an so roimh chrìoch na ceud linn le cuid diubhsan a theich o’n dara geur-leanmhuinn a rinneadh leis an Impire Domitian,—a’ gheur-leanmhuinn leis an do ruaigeadh Eòin do Eilein Phatmos. Tha na h-eachdraidhearan a dh’ ainmich sinn air am meas le sgrùdairibh an là an diugh car teagmhach; ach anns a’ chùis so tha am fianuis aìr a dearbhadh le ùghdarrais eile a bha beò ni b’fhaisge do ’n àm ud agus mu nach fheudar amharus altrum gu’n robh iad fo bhuaidh ceanglaichean dùthchail. Tha Clemens Romanus, a sgrìobh aig toiseach an dara linn a’ cumail a mach gu’n robh Paul féin a’ fiosrachadh nan Eilean so ’nuair a bha e air a thurus do ’n Spàinn.* Tha Tertullian, fear a sgrìobh ’san treas linn, ag ràdh gu’n do thòisich an Soisgeul rì bhi air a shearmonachadh am measg * Litir gus na Corintich. [TD 189] nan Albannach goirid an déigh Dol-suas Chrìosd;* agus tha Chrysostom agus Theodoret ag ainmeachadh gu soilleir gu ’n robh an Soisgeul air seasamh saor fhaotainn anns na h-Eileìnibh so anns a’ cheathramh linn, an t-àm anns do sgrìobh iadsan. Bha so co-dhiù dà cheud bliadhna roimh ’n àm mu ’n do ghabh mànaich I-Chalum-cille còmhnuidh ’san Eilein sin. Gabhaidh e bhi air a dhearbhadh gu ’n robh aig na Piocaich agus aig na h-Iara-Ghàilich soisgeulaich Chrìosduidh dìubh féin a’ saothrachadh ann an iomadh ceàrn de ’n dùthaich ré an àm so. Am measg nam feadhainn so b’ e ’n neach a b’ aìnmeile an Naomh Ninian a tha air a mheas le Neander agus le eachdraidhearan eaglaiseil seasmhach eile mar an t-aon a ’s tràithe do na Turusaich (missionaries) Bhreatunnach. B’e Ninian Abstol Gàidheil Ghallua, agus thog e eaglais aig Whithorn. Bha Corantinus, a rugadh ann am Brittani, treis air chuairt an Eirinn, agus b ’e ceud abstol Chornueil;—rinneadh easbuig deth le Martin Thours anns a’ cheathramh linn. Shaothraìch an Naomh Pirdan, Gàidheal Eirionnach ann an Cornuel; thog e eaglais Phirdanrabulde a chladhaicheadh agus a thugadh an uachdar às a’ ghainneimh ann an 1835. Rugadh e ann 382 aig Ossory an Eirinn, agus lean e Corantinus (Cudy) ann an Cornuel. Am measg nan nàistneach bha an Eaglais ud a bha air a adhlacadh ’sa’ ghainneimh fo’n ainm “Pridan an trìth,” ’s a’ Ghàilig, “na tràighe,” or seashore. Ach ged a tha e soilleir gu ’n robh créideamh Chrìosd gu math farsuinn air a sgaoileadh roimh theachd Chaluim-chille agus a chompanach, gidheadh bha adhartas air a chumail air ais gu mòr le aineolas coitcheann an t-sluaigh agus leis na coganna leanailteach a bhuadhaich ’nam measg; Mar so ged nach b’ iad na Turusaich Eirinneach so a bhonntaich e, bha iad ’nam meadhonan a chur air stéidh a b’ fhallaine agus a bu leithne. Tha a’ cheud chunntas sgrìobhte a tha againn mu dhaingnich mhànaich I-Chalum-cille, ri fhaotainn ann an eachdraidh beatha Chaluim-cille le Adamnan, mànach Iar-Ghaelach a bha ann mu cheud bliadhna an déigh an àma mu ’n do sgrìobh e. Tha Adamnan ag innseadh duinn gu ’n robh còmhradh aige ri daoìnibh a chunnaic agus a chuala Abba ainmeil I-Chaluim-chille; agus tha an dealbh a thug e duinn air an duine ion-iomraiteach sin sàr thlachdmhor ged a tha e car garbh agus criomte. Tha so air a thoirt á Oraid a thug an t-Olla Urramach ealanta ann an Glaschu o cheann ghoirid. DAN. Eireadh na gaisgich threun’— Feara na Gàilig— Dealrach mar bhoillsgeadh gréin’, Meirghe nan Gàidheal! Cuimhneachadh air na sàir Leantuinn Chlann-Dòmhnuill, Teàrnaidh sibh chum a’ bhlàir Buadhachadh còmhla. * Lib. contra Judaeos. [TD 190] Nochdar leibh gnàth nam Fiann; Sgapaidh sibh ’s sgoiltidh Feachdan bhur naimhdean dian’, Dìoghaltach fuiltidh! Teannach’ ri guaill’ a chéil’, Beumaidh sibh sgairteil;— Gàidheil a chaoidh cha ghéill, Reubadh ’sa’ chasgairt. ’S iomadh a chì le uaill Uaibhrich an fhéile ’Nuair a bheir sibh á truaill Lainn chruaidh le chéile. Gleidhear leibh nòs nan laoch ’Sa’ ghaoir-chath tha meamnail, ’S cliù bheir gu tìr an fhraoich Mòr, saor, ainmeil. Smachdail mar bha sibh riamh Gluaisidh, ’s cha’n fhàilnich; Togaidh sibh suas gun fhiamh Bratach na Gàilig! Dùisgidh sibh anns na Goill— Naimhdean ar dùthcha— Gealtaireachd annt’ mar thoill Dh’ fhàgas gun rùch iad. Cuideachadh gheibh gach taobh, O Eilein ’s o Mhòrthir;— O fhineachan Mhuile nan craobh, Laochail ’sa’ chòmhraig; Sgiathanaich righinn nan euchd ’S an eug-bhoil bidh dlù duibh, Leòdhaisich is Ilich nach géill Teàrnadh fo’r cùlaobh. Ceanntirich—tréin o chian,— ’S iarmad nan Catmhach, Gallaich nach d’ fhannaich riamh, Nisich is Peairtich, Thig leibh a dhìon bhur còir O Ghoill is o fhòirneart, A ghleidheadh duinn samhuil glòir, Mòrachd Chlann-Dòmhnuill. D.S.—Rinneadh na roinn so do Réisimeid Ghàidhealaich Ghlaschu. [TD 191] AN T- OLLA GUTHRIE. Mun do chaochail e ’s an earrach a chaidh sgrìobh an t-Olla Guthrìe eachdraidh a bheatha féin ré a’ cheud dà fhichead dliadhna d ’a bheatha. Sgrìobh a dhà mhac an còrr d’ a eachdraidh gu a bhàs. Tha an leabhar air ùr thighinn a mach. An déigh do Ghuthrie fhòghlum a chrìochnachadh air son na ministreileachd bha e seachd bliadhna ’na Dheuchannach (probationer) gun àite fhaotainn. Ré na h- ùine so chaidh e do ’n Fhraing a thogail tuille fòghluim. Bha e ’na dhuine aig an robh comasan labhairt os ceann mhòrain. Rinn ealantachd e ainmeil feadh na rìoghachd air fad; o ’n Bhanrigh gus an neach a b’ ìsle bha an t-aon mheas air mar bha air an Olla Tormoid Mac Leoìd nach maireann. Tha iomradh anns an eachdraidh so air mòran do dhaoinibh ainmeil air an robh Guthrie eòlach no a bha ’nan companaich aige. Tha sinn a’ toirt nam mìrean a leanas ás an leabhar: “AN T-SABAID” A’ cheud uair a chaidh mi do Shiorrachd Rois agus a bha mi a searmonachadh air son mo charaid ionmhuinn Mr Carment Rosskeen, dh’ fheòraich mi dheth air feasgar Dhi-Sathuìrne, mu ’n deach mi luidhe, am b’ urrainn mi uìsge teth fhaotainn ’s a’ mhaduìnn? Aig an so thog esan a làmh le rabhadh, ag ràdh, “Uìst, uist!” Air dhomhsa amharc le h-ioghnadh, thuirt esan agus e caogadh a shùla. “Iomraidh air an fheusag a thoirt diot air là an Tighearna ann an Siorrachd Rois, agus cha ruig thu leas searmonachadh an so a chaoidh tuille!” Anns an t-siorrachd cheudna dh’ innis Sir Coinneach Mac Choinnich (Gheàrrloch) domh mu chaileag shearbhanta a bha ni bu reusontaiche ged a bha i a chearta cho mion. Chuir i ioghnadh air a maighsteir, aon do thuathanaich Shir Coinneach le diùltadh an crodh a bheathachadh air an t-Sàbaid. Bhleòthnadh i iad ach cha bheathachadh ì ìad; agus tha a dòigh dìon a’ nochdadh, ged a bha i ’na gaothrag chreidmhich, nach robh i ’na h-amadan. Rinn i eadar-dhealachadh grinn, geur-chuiseach eadar oibre éìgin agus tròcair agus an obair nach ’eil, le geòire inntinn a bhiodh ’na h- urram do fheallsanach. “Cha ’n urrainn na bà iad féin a bleothan; uime sin tha e soilleir gur h-i obair éigin agus tròcair am bleothan; ach leig a mach iad do na raointibh agns beathachaidh siad iad-féin.” A’ CHEUD MHAIGHSTEIR-SGOIL A BHA AGAM. B’ e fighidear a bha ann an Seumas Stiùbhard, am maighsteir-sgoil a bha againn. Cha robh ann ach duine beag, air éideadh anns an t- sean fhasan, le a bhoineid ghuirm leathann a’ còmhdach a chinn mhòir anns an robh meall mòr eanchainn. Dh’ fheudteadh a ràdh timchioll airsan mar a thuirt am portair Gàidhealach mu Dhr Candlish, agus e ag amharc air gu geur, “Ai, gabh sealladh math; cha ’n ’eil mòran ann deth, ach tha rud math ann!” Bha Stìubhard ’na fhoirbheach an Eaglais nan Seceders, far an robh sinne a’ dol ’nar cloinn o nach robh an Eaglais Stéidhichte mòr gu leòr. Bha e ainmeil air son a dhiadhachd, ach cha bu Chrìosduidh neo-fhallan, gruamach, trominntinneach a bha ann. Ghabh e tlachd ann am fala-dhà neo-chiontach, agus mhisnich e muinntir eìle gus an ni ceudna. [TD 192] Bha e déigheil air ìasgach, agus bhiodh e aig an amhainn le slait is cuidhle cho luath agus a gheibheadh e o’n bheairt. Cha do mheas se e neo-airidh mar a sheasamh mar Sheceder gu ’n creachadh e nid nam feannag. Aon uair chuir e ioghnadh air a bhràthair ’s an dreuchd air dhoibh tighinn gu neadraidh fheannag, le stad aithghearr a chur air còmhradh diadhaidh a bha aca, agus e a’ streup suas rì craoibh mar fheòrag! Bha an sgoil againn anns an aon seòmar anns an robh an duine math e-féin le a bhean is le a nighinn a’ gabhail còmhnuidh, a’ bheairt ann an aon oìsein agus an dà leabaidh bhìg ann am fear eile. Bha sèathnar dhinn aig an robh stòil, air an do shuidh sinn a’ cnuasachadh ar leasanan ri fuaim spàla a’ bhreabadair, agus esan a’ figheadh, agus ar task ’nar cuimhne o àm gu àm le tàs leathraich a bha aige air ceann maide fàda, leis an ruigeadh e oirnn gun a rìgh-chathair fhagail. SEARMOINEAN LAMH-SGRIOBHTE. Cha ’n fhaicteadh ann an Albainn leithid an ni a chunnaic mi aig Ath-an-daimh (an Sasunn)—tòrr do shearmoinean làmh-sgrìobhte ’na shìneadh gu follaiseach air bòrd an lèabhar-reiceadair r’ an reic aig tastan an té. Thuirt am bùthfhear rium gu ’n robh iad air an ceannach le “daoin’-uaisle òga a bha dol do dhreuchd na ministreileachd.” Ni mò a chanadh màthair ’s am bith an Albainn rium an ni a chan bean-uasal rium o cheann ghoirid ann an Lunnainn. Bha i ro thoilichte eòlas a chur orm ás ùr; ach bha i toilichte gu sònruichte cothrom a bhi aice eòlas a thoirt domh air a mac a bha ’na mhìnisteir òg. “Bithidh e cho deònach bhur faicinn,” thuirt ise, “a Dhr Guthrie ghràdhaich; tha e gu tric a’ searmonachadh nan searmoinean agaibhse d’ a shluagh!” LAOIDH. I. Thoir orm an sgeul A thig ás Do bheul A ghabhail le déine gràidh A bheathachadh miann Nan iarrtasan dian Tha ’n geall ort mar chrìoch an àigh! ’S mi tioram le tart Leig thugam an fheart A lìonadh gu beachd mo chom; A bheireadh mòr fhàs Air curachd nan gràs A tabhairt fo bhlàth gu trom. Tha Thusa ri D’ chloinn A’ pàirteachadh roinn, De’n fheart so bheir loinn ás ùr, A dh’ aisigeas fàl Na diadhachd do D’ àl A dh’ fhàsas a’ D’ làth’ir cho cùbhr’. [TD 193] COMUNNACHADH ’SAN TOISEACHD. Tha an Comunnachadh ’sa’ Ghàidhealtachd a ghnàth ’na ni sòluimte; ach tha mi creidsinn nach fhaiceadh am fear-siubhail an sàcramaid air a fhritheileadh an àite ’sam bith le barrachd coslais ùghdarras na diadhachd na chitheadh e ann an sgìre na Tòiseachd an àm an Olla Dhòmhnullaich. Bha àireamh mòr a’ tighinn ás gach siorrachd ’san nabuidheachd—á Ros, ás a’ Chrombi, à Ionar-nis, agus eadhon á Gallaibh. Aon uair thachair dhomhsa bhi aig a’ Chomunnachadh an so. Air an rathad rug mi air na h-uiread a luchd-each is charbadan is ceudan do choisichean, fir is mnathan, le ’m “boineidean gorma” tuathanach air na fir, mòran diubh a’ cnuasachadh nan searmoinean a chualas no a’ rannsachadh le chéile mu bhrìgh earrainn shònruichte. Bha dùil agamsa m’ each a chur ann an stàpull a’ mhinisteir, ach ’s ann a fhuair mi gaeh ceàrn agus oisein anns am b’ urrainn each a bhi air a chur làn cheana. Ach thàinig balach an rathad a ghabh an t-each uam is fhuair mi saorsa. Tha daonnan a’ Bheurla air a searmonachadh a stigh ’san eaglais agus a’ Ghàilig an taobh a mach. Is ann aig a’ Ghàilig a bha am mòr shluagh air cruinneachadh. Cha’n’eil a’ bheag do eaglaisean a chumadh a leithid do shluagh. Bhiodh ’san Tòiseachd mu shè mìle cruinn, ’na uairean deich mìle, is tha e air a ràdh aon uair gu ’n robh cùig mìle deug anam còmhla. Bu throm an t-séis a dh’ éirich an déigh na searmoin agus “dìon nam bòrd” aig nach ’eil neach a’ suidhe gus am bheil an “dìon” air a dheanamh. Cha chuala mi séis riamh cho làidir ged a shaoil mi gu ’m biodh an t-seinn ni bu chruaidhe. Ré na seirbheis thòisich na daoine a bha air an cuideachadh le bràithrean ás na sgìrean eile, air cur nan eileamaidean air a’ bhòrd. Bha an luchd-comunnachaidh anabarrach fadalach ’nan teachd gus na bùird, gach neach a’ faireachduin ann féin gu ’n robh e dol a choinneachadh an Tighearna, fo eagal gu ’n itheadh no gu’n òladh e breitheanas dha féin. Aig a’ bhòrd cha’n fhaicte sùil fosgailte, agus bha gach ceann crom. Cha ’n fhaicte gluasad o cheann gu ceann ach far an robh na h-eileamaidean a’ dol mu ’n cuairt. Bha an t-Olla Dòmhnullach a’ sealltuinn le sùil thaitneich air anmaibh a shluaigh aig sruthan an uisge bheò! Tha gràdh agus caoimhneas an t-seallaidh ud ann an doimhne mo chuimhne fathast. An diugh tha a’ chuid a’s mò diubh sud, le ’n aodhair treun is beannuichte a steach an tìr Chanàan. CRAOBH-SGAOILEADH AN T-SOISGEIL. LEIS AN URR. IAIN MACLEOID, D.D. Gabhadh ar n-uachdarain an cùrsa a’s àill leo ’nan cogaidhean ris na fineachan, cha ’n fhannaich an Eaglais, tha sinn an dòchas, ’na h-oidheirpean ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil. Tarruinnidh gach fàilinn is cruaidh-chas an t-eud fineadail ni’s mò agus ni’s mò feadh ar tìre. Ann an dìon ar dùthcha, agus an déigh air glòir cogaidh a shealbhachadh an téid tréin ar tìr a mach am measg cunnairt is deuchainn, gus an raon-chath fad ás, agus saoil sibhse, an téid neach a mach a chathachadh ann [TD 194] am blàir an Tighearna, no an déigh na glòire maireannaich ud air a gealltuinn ann an gràs Dhé do dheadh shaighdear Iosa Criosd? Am bheil sinn ri bhi faicinn déine inntinn agus teasghràdh air an dara làimh, is dìbheil misnich is eu-dòchais air an làimh eile? Cha ’n ’eil! Ach, a’ taiceachadh air làthaireachd is air A chuideachadh gràsmhor Féin, cumamaid suas, ri aghaidh gach di-misnich o’n taobh a muigh, aobhar an Tighearna. Agus ma’s e agus gu’n gabh truaillidheachd ar nàduir mi-dhiadhaidh cruth dìoghaltais peacaich an droch aoin, a chum sinne irioslachadh fo fhaireachduin dhomhain air ar neo-airidheachd troimh thuiteam an duine, an sin bidh cinnteachd neartachaidh ar Tighearna beannaichte a’ dearbhadh ni’s mò agus ni’s mò do ar n-inntinn le comhfhurtachd gur h-Esan a leag bunait Shioin, agus nach buadhaich eadhon geatachan ifrinn ’na aghaidh! Cha b’ann gun stri crìdh-chrathadh a leig Satan riamh ás ùghdarras neo-laghail thairis air cridheachan dhaoine; agus am measg nan uile a tha ’nan dìbheil misnich do Eaglais Dhé aig an àm a ta an làthair, tha ar dòchas air an fhìrinn so le mòran a bhàrr, gur h-iad so ospagan deìreannach a chumhachd rìoghail ag ìobradh na h-analaich ann an rìoghachdan so an dorchadais far an robh a rìgh-chathair cho fada air a daingneachadh. Théid Eaglais Chrìosd ma ta air a h-aghaidh ann an neart an Tighearna, agus ’n A ainmsan sgaoilidh sinn ar brataich. Bithidh iomradh caithreamach na Cuingeis ’g ar beothachadh; oir tha gealladh Spiorad nan gràs, troimh an d’ thàinig a’ bhuaidh éifeachdach ud, fathast “do na h-uìle, eadhon dhoibhsan a tha fada ás.” Feudaidh nach bean e do ar cuibhrionn-ne là na buaidh so fhaicinn, ach thig an là sin;—ni an stoirm a tha a’ dol seachad crath-ghlanadh;—sgaoilidh Focal Dhé; éiridh seirm molaidh o shaoghal iompaichte fathast, agus an sin bidh luchd-àiteachaidh nan tirean dorcha fineachail ud a’ sealbhachadh dealradh soluis, air nach ’eil soilleireachd dhian an gréin féin ach ’na shamhla fann, a’ foillseachadh lànachd toradh an t-Soisgeil, laimh ris am bi beairteas greadhnach an tìrean féin faoin agus gann! Ma ta ma ’m bu mhiann leinne gu’m biodh cùbhraidheachd an ainm Chrìosduidh air fhaireachduinean tir céin, iarramaid le naomhachd choisrigte beatha a sgaoileadh aig an tigh. Is aithne duinn gu’m bheil o’n tigh mar ta ann an so mòran anns gach inbhe is seasamh a tha gu coitcheann a’ cur maise air teagasg Dhé an Slàniughear le beatha naomh agus ghlan, agus le gluasad airidh air an t-Soisgeul. Gu’m biodh an Tighearna a’ cur ris an àireamh, agus ’g ar deanamh-ne a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, comasach air “gach uile aingidheachd a sheachnadh,” agus mar so leigeadh do ar “soluis dealrachadh an làthair dhaoine, chum agus gu faic iad bhur deadh oibre, agus gu toir iad glòir do bhur n-Athair a ta air nèamh.” Amen. MU GHAIDHEIL GHLASCHU. A DHEASAICHE RUNAICH.—Tha mi ’n dùil an rathad còir féin-dhìon gu’n ceaduich sibh domh focal no dhà rádh mu Ghàidheil Ghlaschu. Tha mi’ ’tuigsinn gu’n do chuir na thuirt mi timchioll orra smuairean is dorran air fear no dhà. Cha’n ’eil mi idir aineolach air mo luchd-dùthcha an [TD 195] Glaschu, oir chaith mi iomadh bliadhna ’nam measg. ’S iomadh sgrìob a thug mi do chaol-shràidean ’s do chùl-shràidean a’ bhaile g’ an lorgachadh a mach. Mar a thuirt sibh féin gu sgiobalta soilleir ’s an àireamh mu dheireadh b’e mo rùn àire chàirdean a tharruinn gu aobharan an dearmaid a tha air a dheanamh air Gàidheil a’ bhaile sin. ’Si obair fear-sgrùdaidh an t-olc a rùsgadh; dìonaidh am maith e féin. Thug o cheann ghoirid ministeir Gàidhleach ’s an Eaglais Stéidhichte taing dhomh air son gu’n d’ thug mi fa chomhair luchd leughaidh na Brataich ni a tha ’na mhasladh do eaglaisean criosduidh—’se sin nach gabh e àicheadh gu’m bheil grùdairean is òsdairean ’nan luchd-righlaidh, ’nam foirfeich, ’s ’nan deacoin ann an Tigh Dhĕ. Air dha so a bhi fìor cha’n ìoghnadh ged dh’ fheudadh fear do na seòid a bhi am measg fhear-dreuchd Eaglaisean Gáidhleach Ghlaschu. Air a’ phuinc so cha chuirinn dragh oirbh, mur bhitheadh litir a sgrìobh Mr Blàr gus a’ Ghàidheal;—litir a thaobh a spioraid agos a sgoilearachd Ghàilig nach’ eil ’na mòr mheas do ’n sgrìobhaiche Urramach. A thaobh spiorad na litireach far am bheil an leithide so do fhocaìl “madraibh crosda” agus “uile-bheisdean” fágaidh sin iad a’ faire Eaglais Chaluim-Chille. Agus an àite ainm Alasdair-nan-stòp mar “uile-bheisd a sparradh suas air dorsan nan eaglaisean Gàidhleach” b’fheàrr leam féin gu mòr Deadh Theampullaich Fàrdach Fhinn a dhol gu h-uaìgneach air tòir Alasdair bhochd agus a chosnadh gu h-aobhar na stuamachd. C’ arson nach do sgrìobh Mr. Blàr gus a’ Bhrataich? Theagamh nach b’fhiach leis a sgoilearachd Ghàilig fhaicinn ann an “leabhran beag Gaidhlig ris an canar Bratach na Firinn.” Mar shaimplir air sgoilearachd Ghàilig “Ministear Eaglais Chaluim-Chille” bheir sin dhuibh am mìr mu dheireadh do a litir ainmeil gus a’ Ghàidheal. “Tha e soilleur mata nach ann ’s an Eaglais Steidhichte a tha ‘Alasdair-nan-stòp an t-osdair,’ a ghearr ceann Iseabal, a mhnaoi air oidhche Di-Sathuirne, ’na fhoirbheach.” Feudaidh an tì a ruitheas crùbaichead agus mearachdaichead ’n a h-earraìnn so fhaicinn. Nach e so tur aineolas air “freumh-chur agus air snaim-cheangal na Gàilig?” Theagamh gu’n robh leithidean Alasdair thruaigh ’nam mòr dhragh an “seisein Eaglais Chaluim-chille,” mar a b’ éigin “raghailtean a dheanamh,” an druideadh a mach. Gidheadh tha mi taingeil a chluinntinn gu’n do dh’ioma-sgar Mr. Blàr ’na uil’ fhiosrachd na h-Iùdasan òsd-thigheach às an t-seisean. Tha ni eile tha toirt toileachais domh gu’n do leum Mr Blàr ’na eud uile-léirsinneach agus gu’n do ghrad spìon e an cogal òsdail á seìseanan eaglaisean Gàidhleach Ghlaschu. Feudaìdh na sgrìobh mi mu Ghàidheil Ghlaschu a thaobh a rùin agus a bhrìgh seasamh là air bith làimh ris na sgrìobh “Rùnasdach” mu ghisreagan, ’s mu bhuitseachas nan Gàidheal ann an “leabhran beag ris an canar an” Gàidheal. IS MISE, A SHAIR CHAOIMH, LE SPEIS, E. M. L. FIOS COITCHEANN. Tha muinntir Aird-na-Murchann a’ toirt gairm do’n Urr. N. Caimbeul. [TD 196] Tha gnothuichean Gàilig a’ faotainn aire ’sna làithibh so nach robh iad rìamh. Bha dà òraid air an toirt seachad an Glaschu o cheann ghoirid air na h-Iar-Ghàidheilich; aon leis an Urr. Mr. Rusel á Ceann-loch, agus té leis an Olla Urr. Mac Gillebhrà á Abear-Eadhaìn. Tha cogadh beag air éiridh eadar sinn féin agus treubhan borb ann an Africa a bha a’ maoidheadh o cheann ghoirid air na Breatunnaich a tha ’nan nàbaidheachd, Ach chuir Breatunn armailt bheag fo stiuireadh Ridire ainmeil a mach a ’n ceannsachadh, ni a thachras an ùine ghoirid cha ’n ’eil teagamh againn gu buadhmhor. Tha dùil gu’m bi Dr Trail, Abear-Eadhain ’na Cheann-Suidhe aig Ard-Sheanadh na h-Eaglais Stéidhichte, agus Dr. Stiùbhard, Leghorn aig fear na h-Eaglaise Saoire aig na h-ath chruinneachaidh. Aig Comunn nam Ban-Uasal air son na Gàidhealtachd is nan Eilean an Glaschu bha coinneamh o cheann ghoirid, an t-Olla Muilleir, an Ceann-suidhe, ’s a’ chathair. Thug an Comunn taing do ’n Urr. U. Ros, F. S. A. S. Baile-bhòid, air son an iomraidh thaitneich a thug e mu na sgoilean. Rùnaich iad leantuinn ri cuid diubh mar roimhe so. Air a ’mhìos a chaidh dh’ fhalbh ar caraid fiachail “Ishmael Ionmhuinn” a chumail sgoil ann an Africa, ceàrn a ròghnaich e air son a shlàinte. Is e Mr. Mac Mhuirich a dh’ eadar-theangaich gu Gàilig Deas-Ghnàth nan Deadh Theampullach, anns an do nochd e eòlas nach tàr air a chánain mhàithreil. Tha sinn an dòchas gu ’n lean slàinte is soirbheachadh e an Africa, far an lean esan, tha fhios againn, gu dlù ri cliù a shinnsear. Bu mhaith leinn ìnnseadh do ’r luchd-leughaidh gu ’m bheil Gàidheìl Chichago ’s na Stàidibh Aonaichte air Comunn Gàidhleach a dhùsgadh ’s a’ bhaile sin, ni a tha nochdadh gu’m bheil teasghràdh dùthchail nan Gàidheal céin cho dian ’s a tha e an Albainn.—Ann am Baile-bhoid, gu h-àraidh troimh chuideachadh faolaidh an Urr. U. Rois, chuir iad air a chois Tigh-Tasgaidh no Aros Shean Nithean anns am bheil aca cheana 5000 (cuig mìle) saimpleir do sheòrsa chreutairean, fàis, innealan, chlach, &c. Dh’ iarramaid taing a thabhairt do na càirdean a leanas, a bharr air muinntir eile nach ’eil e ceadaichte duinn ainmeachadh, air son a’ chòmhnaidh a rinn iad air Bratach na Firinn ré na bliadhna a dh’ fhalbh: Na h- Urr. A. Sinclair, A. Cameron, E. Cameron, I. Mac-a-Phearsoin, S. Mac-Dhòmhnuill, A. Mac-an-t-Saoir, G. Macfhearchair, S. L. Caimbeul, A. Mac-Choinnich; an t- Olla Urr. Macgillebhrà; na h-uaislean Eachunn Macgilleadhain, M. A. I., D. Macphàil, E. M. L., D. Mac Mhuirich, I. Mac-Aoidh, M.A;, Rosach, I. Macillebhàin, I. S. Mac-Néill, G. Macfaidein, &c. Tha sinn an dòchas gu’n lean na daoin’-uaisle so air ar cuideachadh le sgrìobhadh a nis agus a rìs air cuspairibh freagarrach eideachail mar rinn iad thuige so; agus gu’n lean feadhain eile an eiseimpleir.