[DA 1] Waifs and Strays of Celtic Tradition. SERIES INITIATED AND DIRECTED BY LORD ARCHIBALD CAMPBELL. ARGYLLSHIRE SERIES. VOL. V.—REMAINS OF THE REV. JOHN GREGORSON CAMPBELL. [DA 2] Waifs and Strays of Celtic Tradition. Series initiated and directed by LORD ARCHIBALD CAMPBELL. Demy 8vo, cloth. ARGYLLSHIRE SERIES. VOLUME I. CRAIGNISH TALES. Collected by the Rev. J. MACDOUGALL; and Notes on the War Dress of the Celts by LORD ARCHIBALD CAMPBELL. xvi, 98 pages. 20 plates. 1889. 5s. VOLUME II. FOLK AND HERO TALES. Collected, edited (in Gaelic) and translated by the Rev. D. MACINNES; with a Study on the Development of the Ossianic Saga and copious Notes by ALFRED NUTT. xxiv, 497 pages. Portrait of Campbell of Islay, and Two illustrations by E. GRISET. 1890. 15s. “The most important work on Highland Folk-lore and Tales since Campbell’s world-renowned Popular Tales.”—Highland Monthly. “Never before has the development of the Ossianic Saga been so scientifically dealt with.”—HECTOR MACLEAN. “Mr. Alfred Nutt’s excursus and notes are lucid and scholarly. They add immensely to the value of the book, and afford abundant evidence of their author’s extensive reading and sound erudition.”—Scots Observer. “The Gaelic text is colloquial and eminently idiomatic. . . Mr. Nutt deserves special mention and much credit for the painstaking and careful research evidenced by his notes to the tales.”—Oban Telegraph. VOLUME III. FOLK AND HERO TALES. Collected, edited, translated, and annotated by the Rev. J. MACDOUGALL; with an Introduction by ALFRED NUTT, and Three Illustrations by E. GRISET. 1891. 10s. 6d. VOLUME IV. THE FIANS; OR, STORIES, POEMS, AND TRADITIONS OF FIONN AND HIS WARRIOR BAND. Collected entirely from Oral Sources by JOHN GREGORSON CAMPBELL (Minister of Tiree); with Introduction and Bibliographical Notes by ALFRED NUTT. Portrait of Ian Cambell of Islay, and Illustrations by E. GRISET. [DA 3] WAIFS AND STRAYS OF CELTIC TRADITION. ARGYLLSHIRE SERIES.—NO. V. CLAN TRADITIONS AND POPULAR TALES OF THE WESTERN HIGHLANDS AND ISLANDS, Collected from Oral Sources BY THE LATE REV. JOHN GREGORSON CAMPBELL, MINISTER OF TIREE. SELECTED FROM THE AUTHOR’S MS. REMAINS, AND EDITED BY JESSIE WALLACE AND DUNCAN MAC ISAAC, WITH INTRODUCTION BY ALFRED NUTT. PORTRAIT OF THE AUTHOR AND ILLUSTRATIONS. LONDON: DAVID NUTT, 270-271 STRAND. 1895. [DA 4] [Blank] [DA 5-6] CONTENTS. [Beurla] [DA 7] PREFACE. [Beurla] [DA 8] [Blank] [DA 9-20] INTRODUCTION. [Beurla] [TD 1-4] CLAN TRADITIONS. MACLEANS OF DOWART. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 5-6] DEATH OF BIG LACHLAN MACLEAN, CHIEF OF DUART,— (Lachunn Mòr Dhuart). [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 7-12] MACLEANS OF COLL. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 12-17] BROWNS OF TIREE. (Clann-a-Bhruthain). [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 18] THE STORY OF MAC-AN-UIDHIR. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] (“An cuala sibhse riamh iomradh Mu Chaiseart Gharbh, Nic an Uidhir? Bha i òg an Gleann Forsa Nar bha Oisean ’na ghiullan; Bha i falbh ’s i ’na proitseach Le Cas-a’-Mhogain a piuthar. ’S mise an truaghan ’nan déigh ’S gun fhios gu de thainig riu.”) [TD 19-21] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 22] Ach a dheagh Mhic an Uidhir ’G an robh an cridhe fial farsuinn Bha mi uair ’s beag shaoil mi Gu ’m faodadh sid tachairt Gu ’m biodh tus’ air do bhàthadh ’S do bhàta tighinn dachaidh Fhad ’s a mhaireadh a h-iaruinn ’S nach iarradh i calcadh Thùg horoinn O. Fhad ’s a mhaireadh a h-iaruinn ’S nach iarradh i calcadh Fhad ’s a mhaireadh a h-earluinn Agus tàthadh ’s a saidhean Fhad ’s a mhaireadh a slatan Agus bloidhean d’ a darach Thùg horoinn O. Fhad ’s a mhaireadh a slatan ’S bloidhean d’ a darach: Tha do bhreacan ùr uallach Air uachdar nan glas thonn ’S fuil do chinn aig an fhaoilinn ’S fuil do thaobh aig an fharspaig Thùg horoinn O. ’S fuil do chinn aig an fhaoilinn ’S fhuil do thaobh aig an fharspaig: Tha do phiuthar gun bhràthair ’S do mhàthair gun mhac dheth Do bhean òg ’s i gun chéile ’S truagh mi fhéin dheth gun dalta. Thùg horoinn O. [TD 23] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 24-25] STEEPING THE WITHIES. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 25-26] LITTLE JOHN OF THE WHITE BAG. (IAIN BEAG A’ BHUILG BHAIN). [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 26-28] THE KILLING OF BIG ANGUS OF ARDNAMURCHAN. (AONGHAS MOR MAC’ILL’-EOIN), BIG ANGUS, SON OF JOHN, AT COR-OSPUINN IN MORVEN. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 29-32] THE LAST CATTLE RAID IN TIREE. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 32-36] LOCHBUIE’S TWO HERDSMEN. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 37] LOCHABUIDHE ’S A DHA BHUACHAILLE. ANN an 1602 bha dà bhuachaille aig Lochabuidhe, ’s thàinig bean an darna buachaille gu tigh a’ bhuachaille eile; agus bean-an-tighe stigh roimpe ’s poit aice air teine; “Dé th’ agaibh anns a’ phòit?” ars’ an té a thàinig a stigh. “Ma ta,” ars’ ise, “deur de bhrochan a bhios aig an duine le ’dhìnneir,” “’Dé,” ars’ an té a thàinig a stigh, “an seòrsa brochain a th’ ann?” “Tha,” ars’ an té a bha stigh, “dubh-bhrochan.” “Nach esan,” ars’ ise, “an duine truagh? Nach ’eil thu ’toirt da dad ach sin? Tha mise an uiread so de ùine fuidh thighearna Lochabuidhe, ’s cha d’ òl mi brochan gun fhionnan-feòla no rud-eiginn ann. Saoil nach beag do thighearna Lochabuidhe, ged a gheibheamaide damh ’s a’ bhliadhna; nach beag a dh’ ionndrainneadh e e? Cuiridh mise an duine agam fhéin a nall an nochd ’s bheir sibh dhachaigh fear de na daimh.” ’N uair thàinig an oidhche chuir i nall e. Chuir a’ bhean an so air falbh an duin’ eile. Thuirt an darna fear, “Goididh tusa an damh thar na buaile, ’s bheir thu thugamsa e, agus bithidh sinn saor; mionnaichidh mise nach d’ thug mi thar na buaile e, ’s mionnaichidh tusa nach d’ thug thu dhachaigh e.” Dh’ fhalbh an dà bhuachaille. ’S an àm sin chrochadh iad duine tra ’dheanadh e cron, gun fheitheamh ri lagh no binn; ach anns na lathan bha tighearna Lochabuidhe an déigh duine ’chrochadh stigh ’s a’ choille. Dh’ fhalbh iadsan ’s dh’ fhadaidh iad teine aig craoibh ’s a’ choille, mar chomharradh do ’n fhear a chaidh a ghoid. Shuidh fear aig an teine ’s chaidh am fear eile a ghoid an daimh. Air an oidhche fhéin bha mòran de dhaoin’-uaisle ’s a’ Mheigh (2) aig tighearna Lochabuidhe. Bhuail iad air cur gheall ri tighearna Lochabuidhe nach robh duine ’s [TD 38] an tigh aige a bheireadh a’ bhròg thar an fhir a chaidh chrochadh an diugh. Chuir tighearna Lochabuidhe geall riù-san gu’n robh. Ghlaodh e nuas air a ghille mhòr Mac Phaidean. (3) Thuirt e ris an robh e brath an geall a leigeadh air. Dh’ fharraid an gille mòr c’ ar son a bha ’n geall. Thuirt e ris, gu ’n robh iad ag ràdh nach robh duine ’n a chùirt a bheireadh a’ bhròg thar an fhir a chaidh chrochadh an diugh. Thuirt Mac Phaidean gu ’n tugadh esan dheth a’ bhròg ’s gu ’n tugadh e thuga ann an sud i. Dh’ fhalbh Mac Phaidean air a thurus. ’Nuair a ràinig e sheall e ’s chunnaic e ’m fear a chaidh chrochadh ’deanamh a gharaidh. Cha deach e na b’ fhaid’ air aghaidh, ’s thill e le cabhaig. ’Nuair a ràinig e thuirt iad ris, an robh a’ bhròg aige. Thuirt e riu nach robh, gur h-ann a bha ’m fear ud ’s làn cléibh de mhòine air a bhialthaobh ’s e ’deanamh a gharaidh. “Dh’ aithnich sinn-fhéin,” ars’ na daoin’-uaisle, “nach robh agad ach an gealtair.” Thuirt an clàraineach (4) a bha thall, “Is ceàrr an rud a tha thu ’deanamh, an geall a leigeadh air; na ’m biodh comas nan cas agam-fhéin dh’ fhalbhainn ’s bheirinn a’ chas dheth co math ris a’ bhròig mu ’n leiginn an geall air tighearna Lochabuidhe!” “Thig thusa so,” ars’ an gille mòr, “’s cuiridh mise dà chois nach deachaidh riamh ’n leithid ortsa fothad.” Chuir e ’n clàraineach mu chnàimh ’amhaich, ’s dh’ fhalbh e leis. ’Nuair thainig iad ’an sealladh an duine a bha ’deanamh a gharaidh, dh’ iarr an clàraineach tilleadh. Thuirt Mac Phaidean nach tilleadh. Dhlùthaich iad ris an fhear a bha ’deanamh a gharaidh. Thog am fear a bha aig an teine a cheann, ’s mhothaich e dhoibh-san a’ tighinn. Shaoil leis gur h-e a chompanach fhéin, am fear a chaidh a ghoid an daimh, a bha air tighinn. Labhair e ’s thuirt e, “An d’thàinig tu?” “Thàinig,” ars’ Mac Phaidean. “’S am bheil e agad?” “Tha,” ars’ Mac Phaidean. “’S am bheil e reamhar?” “Biodh e reamhar no caol agad, sin agad e!” ’s e a’ tilgeadh a’ chlàraineich mu ’n teine. [TD 39] Chuir Mac Phaidean na buinn air, ’s theich e co làidir ’s a rinn e riamh. Leum an clàraineach air falbh as a dhéighinn, chuir e na ceithir raimh (5) orra gu teicheadh. Dh’ éirich am fear a bh’ aig an teine, agus dùil aige gur h-e feadhainn a thainig a dh’ fharcluais air fhéin a bh’ ann, ’s gu ’n robh e nis a sàs. Dh’ fhalbh e as déighinn a’ chlàraineach, dhol a ghabhail a leithsgeul do thighearna Lochabuidhe. Bha an clàraineach ’g a fhaicinn a’ tighinn as a dhéighinn, ’s e làn-chinnteach gur h-e ’m fear a chaidh chrochadh a bh’ ann. Ràinig Mac Phaidean. Dh’ fharraid iad dheth an d’ thug iad bròg bharr an duine. Thuirt e nach d’ thug, gu ’n dubhairt e ris-san an robh an clàraineach reamhar, ’s gu ’n robh e cinnteach gu ’n robh e air ’itheadh aca roimhe so. Ràinig an clàraineach ’s an glaodh ud ’n a cheann, esan a leigeadh a stigh, gu ’n robh am fear ud a’ tighinn. Leigeadh a stigh e. Am buileach a bha e stigh, bhuail am fear a bh’ air a’ chroich ’s an dorus, esan a leigeadh a stigh. Thuirt fear Lochabuidhe nach leigeadh. “Is ann a th’ annam,” ars’ esan, “am buachaille agaibh fhéin.” Leig iad ’an so a stigh e. Bhuail e so air innseadh dhoibh mar chaidh e-fhéin ’s am buachaille eile a ghoid an daimh; gu ’n do shaoil esan gur h-e ’m buachaille eile a bha air tilleadh leis an damh, gur h-e ’thug air a dh’ fheòraich an robh e reamhar. Bha spòrs is fearas-chuideachd anabarrach aig tighearna Lochabuidhe ’s aig ’uaislean air a so fad na h-oidhche. Chum iad aca am buachaille gus an robh e ro-fhada dh’ oidhche ’g innseadh naigheachd mar a dh’ éirich dha. Thàinig so am fear a chaidh a ghoid an daimh. Ràinig e ’chraobh aig an d’fhàg e ’m buachaille eile ’s cha d’ fhuair e duine. Bhuail e air siubhal sìos ’s suas; mhothaich e ’n slaod ud nuas ris a’ chraoibh. “O,” ars’ esan, “Tha thusa air do chrochadh bho ’n a dh’ fhalbh mise, ’s bithidh mise am maireach air an ruith air am bheil thu fhéin. ’S e an turus mi-shealbhach, ’s buaireadh nam ban, a chuir sinne air an turus.” [TD 40] Ghabh e null ’s thug e’ n duine bhàrr na croiche g’ a thoirt dachaigh. Dh’ fhalbh e ’s cha d’ fhuair e leithid dol roimh mhonadh ’s roimh pholl ’s roimh eabar riamh; mu dheireadh ràinig e tigh na mnatha bha ’n duine air a chrochadh aice. Bhuail e ’s an dorus; dh’ éirich a’ bhean ’s leig i stigh e. “Ciamar a dh’ éirich dhuibh?” ars’ a’ bhean. “Is coma leatsa co-dhiù, mo thruaighe! tha e air a chrochadh o ’n a dh’ fhalbh sinn.” Chaidh a’ bhean gu glaodhaich agus gu caoineadh. “Na abair guth,” ars’ esan, “air neo bithidh tu fhéin ’s mise air ar crochadh am màireach. Tiodhlaicidh sinn anns a’ ghàradh e, ’s cha bhi fios aig duine am feasd air. Nis (ars’ esan), bithidh mise falbh dhachaigh thun mo thighe féin.” Ach smaointich am fear a bha ’n Lochbuidhe gu ’n robh an t-àm aige tighinn dachaigh nis. Bhuail e ’s an dorus aige fhéin. Cha dubhairt a bhean guth. Ghlaodh e so a leigeadh a stigh “Cha leig,” ars’ a bhean, “’s ann a tha thu air do chrochadh; cha tig thu so am feasd!” “Cha ’n ’eil mi air mo chrochadh fhathast,” thuirt esan. “Biodh sin mar a dh’fheudas e dhuit,” ars’ ise, “cha ’n fhaigh thu stigh so am feasd.” Is e ’chomhairle a smaointich e air, dol gu tigh a’ bhuachaille eile. Ghlaodh e ’s an dorus aig an fhear ud, a leigeil a stigh. Thuirt am fear ud, “Cha tig thu stigh an so; fhuair mise gu leòir ’g ad thoirt dachaigh air mo mhuin ’s tu air do chrochadh.” Bha uinneag mhòr air ceann an tighe ’s ghabh e dh’ionnsuidh na h-uinneig. Thàinig e stigh air an uinneig. “Eirich,” ars’ esan, “’s las solus ’s gu ’m faic thu nach do chrochadh mise na ’s mò na ’chrochadh tu-fhéin.” ’Nuair chunnaic e gur e a bh’ aige, chum e aige e gu maduinn, gus an d’ thàinig an latha. Chuir iad an so an guth ri chéile a dh’ innseadh dhaibh mar a dh’ éirich dhaibh thall ’s a bhos; gu ’n rachadh iad gu tighearna Lochabuidhe ’s gu ’n innseadh iad dha na h-uile dad mar a dh’ éirich dhaibh. ’Nuair chuala [TD 41] tighearna Lochabuidhe mar a dh’ éirich doibh, cha robh bliadhna tuilleadh nach tugadh e damh do na h-uile fear dhiubh, ’s bolla mine. NOTES. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 42-43] MAC NEIL OF BARRA, AND THE LOCHLINNERS. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 44-45] FINLAY GUIVNAC. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 46] [Beurla] (“Bu mhùirneach mise ’an tigh Mhic Leòid ’Nuair shuidh a’ chòir ’n a thìr, ’S mac dì-chuimhnicht’ mi ’n nochd ’n a theach ’An àm tarruing a steach gu fìon, Ach sud ortsa, mhic Iain Duibh, A thàinig stigh an diugh no ’n dé, Mise mac suinn a bh’ ann riamh Ged nach fhaigh mi ’n diugh an sliabh g’ am spréidh.”) [TD 47] [Beurla] (“Bu mhac suinn mi an uiridh, Ach mac mulaid mi ’m bliadhna; Ma chuireas iad orm tuille treise, ’S mac Muileach mi air an ath-bhliadhna.”) [Beurla] [TD 48] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 49] [Beurla] (“B’ e mo laochan am bòrd suaile Air am bitheadh na laoich mheamnach: Cha d’ thug thusa stigh do ghobhainn Guibhneach, ’S cha do chuimhnich thu e gu anmoch.”) [Beurla] (“Ged bhiodh mnathan Sìol Leòid, Beag is mòr, sean ’s crìon, Air an càradh ’an aona bhodhaig ’S e aona bhean chòir a dheanainn dhiubh.”) [Beurla] [TD 50-51] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 51-53] BIG DEWAR OF BALEMARTIN, TIREE. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 53-58] THE BIG LAD OF DEARVAIG. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 59-60] STORY OF DONALD GORM OF SLEAT. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 61] [Beurla] “Holoagaich h-ol-ò Sud a’ bhiodag a mharbh d’ athair, ’S cha do dhiùlt i ri thusa fhathast; Soraidh leat o thaobh a’ chaoil.” [Beurla] [TD 62] DONALD GORM IN MOIDART. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 63-65] THE BLACK RAVEN OF GLENGARRY. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 65-67] CAILLEACH POINT, OR THE OLD WIFE’S HEADLAND, [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 67-69] A TRADITION OF ISLAY. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 70] FAIR LACHLAN, SON OF FAIR NEIL OF DERVAIG. (Lachunn fionn mac Neill bhàin, Fear Dhearbhaig. [Beurla] (M’ eudail ’chuir thugam an sgian ’S fhada leam a thriall thar muir, ’S na ’n a mheall mi mo shlàint’ Mur docha leam i na ’n lamh ’sa bheil). [Beurla] [TD 71-73] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 74-79] LEGENDARY HISTORY. PRINCESS THYRA OF ULSTER AND HER LOVERS. A STORY OF LOCHMAREE. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 80-82] GARLATHA. A TRADITION OF HARRIS. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 83-86] STORIES ABOUT THE FAIRIES. THE TRADITION OF A HOUSEWIFE AND HER FAIRY VISITOR. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 86-90] THE WISE WOMAN OF DUNTULM AND THE FAIRIES. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 91-95] FOLK TALES. THE TWO BROTHERS. A TALE OF ENCHANTMENT. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 95-96] THE TWO SISTERS AND THE CURSE. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 97] Tha suidheag mo mhàthar gu fàs, falamh, fuar, Tha m’ athair ’thug luaidh dhomh ’n a shuain fo ’n lic. Gun daoine gun duine na raoin tha mi ’siubhal, ’S gun ’s an t-saoghal do ’m chuideachd Ach piuthar gun iochd. Dh’ iarr ise ’s thug mise do mheud mo thoil-inntinn; ’S mi gun neach ’bu dìsle g’ an innsinn mo rùn; Ach dh’ fhairich mi sid ’s thug e snidh’ air mo léirsinn Gur luaithe ’thig sgeul o ’n bheul na o ’n ghlùn. An sin thuirt i an guidheachan so:— “Na-na-chinn ’s na-na-chuir thu t-ùidh, ’S na-na-shil an driùchd ad shlios, ’S na-na-rug ad bhothan smùid Ann an dùlachd crùth an crios; Gu ’n robh a’ chnuimheag ann ad stòr ’S an leòmann fo bhòrd do chist’; Ma tha cumhachd aig neach sìth, Dìolar ge b’ ann air do shliochd.” [Beurla] Phòs, phòs Ealasaid Odhar, ’S tha mac aice—Torcuil. Torcuil donn ’dhìreadh sròin, ’S a bheireadh ròn bhàrr nan stuadh, Bu sgaiteach do chorran ’n ad dhòrn ’S dheanadh tu dhà dhlòth an sguab. [Beurla] [TD 98-100] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 101-103] THE DARK, OR PITCH-PINE, DAUGHTER OF THE NORSE KING, AND HOW SHE THINNED THE WOODS OF LOCHABER. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 104] [Beurla] AN DUBH GHIUBHSACH, NIGHEAN RIGH LOCHLAINN, AGUS MAR A CHRIONAICH I COILLE LOCHABAIR. MAR thàinig na Lochlannaich an toiseach, ’s bu bhitheanta sin, air feadh nan dùthchannan ’s nan eileinean so, a thogail chòraichean ’s a ghabhail sealbh air fearann, ’s e an cliù a choisinn iad dhaibh féin, leis gu ’n robh iad ris a h-uile seòrsa léir-chreach ’s milleadh air muinntir nan àiteachan a bha iad a’ ruigheachd, gu ’n robh iad ’n an daoine dalma, misneachail, cruaidh-chridheach, borb. “Lochlannaich, a’ bhuidheann bhorb,” neo-easmaileach, neo-thròcaireach ’s a thuilleadh air sin, bha e air chur as an leth gu ’n robh buidseachd agus druidheachd ’s iomadh eòlas toirmisgte eile ’n am measg. Bha ’n nighean a bu sine aig Righ Lochlainn sònraichte [TD 105] ainmeil air son na bh’ aice de ’n “Sgoil Dubh.” Cha robh sgiorradh no tubaist a thachaireadh do chàirdean, no sgrios a thigeadh air naimhdean, no math no rath a dh’ éireadh do h-aon diù, nach robh e air a ràdhainn gur i b’ aobhar-cinn dha, no gu ’n robh làmh thaobh-eiginn aice ann. Bha i aig an tigh ’s uaithe fada ’s farsuinn comharraichte air son sgil am measg cruidh ’s feudail; ’s ann aice bha gach seòrsa eòlas cruidh ’an rìoghachd a h-athar. Cha robh sian no sùil a laidheadh air creutair beo ’s a’ bhuaile nach togadh i, no tuaineal no ceangal ’s an rachadh iad nach fhuasgladh i, gus an abairteadh gur e geumnaich cruidh, blaomannaich laogh agus ràcaireachd ghamhna an t-aon cheòl cadail a bu bhinn leatha, ’s gu ’m freagradh i ’n uair a chluinneadh i ’n spréidh ged bhiodh i ’n a suain an teis-meadhon coille dhubh a h-athar ’s an geum o cheann ìochdar iomall an domhain. B’ aithne dh’ i an lus a bheireadh an toradh as a’ bhainne co math ’s a b’ aithne dh’ i na h-eòlais a thilleadh air ais e, agus gach seòrsa sian agus oradh a bha air a chleachdainn no air a chunntas feumail ’s an àm. Bha gach luibh ’s a’ mhachair no ’s a’ choille co-ionnan dh’ i ri arbhar nan imirean no spilgean cònlaich, ’s cha robh duilleag air craoibh, no preas, no dris, nach b’ aithne dh’ i. ’S an àm so bha dùthaich a h-athar còmhdaichte le coille ghiubhais, agus iomraideach (mar tha fhathast) air son co math ’s a bha a fiodh, ’s bha neart de bheartais na rìoghachd ’tighinn a stigh air a tailibh. Uair de na h-uairean sin thàinig na Lochlannaich do Albainn a thoirt a mach fearainn ’s a dheanamh roinn na còrach air na gheibheadh iad, ’s thug iad fainear gu ’n robh coille ghiubhais Lochabair a’ fàs ’s a’ gabhail roimpe co mòr ’s gu ’m faodtadh e ’bhi gu ’n cuireadh i stad air coille dhubh na Suain. Chaidh feachd Lochlannach an uair so thilleadh air ais an taobh a thàinig iad, ’s ’n uair a ràinig iad dhachaidh dh’ innis iad do ’n righ mar bha iad ’am beachd a thachradh ’s gu ’m feumadh stad a chur air cinneas na coille Albanaich neo nach bitheadh mòran [TD 106] meas air a’ chonnadh aige-san. ’S e smuaintich an righ bho ’n a bha h-uile ionnsachadh aig a nighean gu ’n cuireadh e ’chomhairle rithe, ’s gu ’m faigheadh e fiosrachadh uaipe ’d e an dòigh a b’ fhearr ’s a bu luaithe air a’ choille Albanaich a dheanamh na bu lugha ’s a crìonadh. Dh’ innis i dha, ach gu ’m bitheadh aice fhéin ri dol ann. Fhuair i cead o ’n Rìgh, ’s rinn i deas air son falbh; ’s leis na cumhachdan a bh’ aice cha chuireadh muir no tìr, talamh no adhar, stad air a ceum gus an ruigeadh i ceann thall a’ ghnothaich. ’N uair a ràinig i Lochabair ’s e ’n dòigh a ghabh i, dh’ fhadaidh i teine ’an iomall a gùin ’s ghabh i gu siubhal roimh ’n choille, ’s leis gu robh comas aice falbh anns na neòil co math ’s air an talamh, dhìreadh i suas agus ’n uair bha i ’dìreadh ’s a’ cur cuairteig anns an adhar, bha na sradagan teine a bha ’falbh as a gùn a’ dol gach taobh leis a’ ghaoith ’s a’ lasadh na coille gus an robh an dùthaich uile gu bhi ’n a caoirean teintich ’s co dùinte le deathaich ’s gur gann a bu léir do dhuine lias, ’s a chionn gu ’n robh i fhéin air fàs anns an deathaich ’s anns an t-sùith na bu duibhe na craobh ’s a’ choille, ’s e “An Dubh Ghiùbhsach” a theireadh iad rithe. Bha muinntir na dùthcha cruinn còmhla ’g a feitheamh ’s cha chumadh iad sealladh oirre leis co àrd ’s a rachadh i anns na speuran ’s co luath ’s a thèarnadh i gu talamh. Cha b’ urrainn iad greim fhaighinn oirre na bu mhotha na b’ urrainn iad stad a chur oirre, ’s cha robh fios aca ’d e a dhèanadh iad. Mu dheireadh chaidh iad air son fòghluim gu duine ionnsaichte a bha ’s an dùthaich. Thuirt esan riu, buaile cruidh a chruinneachadh far an stadadh i, ’s ’n uair a chluinneadh i ’n fheudail ’s a’ bhuar gu ’n tèarnadh i; ’s an uair a bhiodh i mar urchair gunna uapa iad a losgadh oirre le peileir airgid, ’s gu ’n rachadh i ’n a cual chnàmh. Ghabh iad a chomhairle ’s thòisich iad air togail chreach ’s air ise leantuinn gus an robh a’ bhuaile làn-suidhichte le crodh ann an Crò-Chintàile. Co luath ’s a chuala ise a’ gheumnaich theirinn i ’s loisg iad oirre leis a’ [TD 107] pheileir airgid mar dh’ iarr an duine glic orra, ’s thuit i ’n a ceòsaich ’n am measg. Thog iad eadar dhaoine am pronnan a bh’ aca dhi ’s thug iad leo do Lochabair i, ’s chum gu ’m bitheadh iad cinnteach nach dèanadh i cron beò no marbh dhoibh tuilleadh, thìodhlaic iad i ann an Achanacairidh; ’s am fear bho ’n deachaidh an naigheachd a chluinntinn an toiseach—anns a’ bhliadhna 1880—bha e ’g ràdhainn gu ’m b’ urrainn dha a chas a chur air an uaigh anns an do chuireadh i. Bha ioghnadh air Righ Lochlainn nach robh a nighean a’ tilleadh no sgeul uaipe. Chuir e forfhais a mach, ’s trà chualaic e mar thachair dhi, chuir e bàta ’s sgioba air son a toirt dachaidh, ach dh’ fhoghain mnathan Lochabair le ’n ubagan dh’ i. Chaidh a briste ’s na daoine chall, aig bun Lochiall. Cha d’ ràinig an ath chabhlach na bu mhò. ’S an treasa uair trà chuir an Righ mach feachd na rioghachd ’s e rinn iadsan, chuir iad eòlas a thaomadh tobraichean Dhun-I, ’s bha e ’n cois an eòlais, rathad ’s am bith a rachadh na tobraichean a thaomadh gu ’m faighteadh a’ ghaoth a dh’ iarrtadh. ’N uair fhuaradh sealladh air a’ chabhlach, thòisichear air taomadh an tobair, ’s mu ’n robh a’ bhoiseag mu dheireadh as, bha a’ ghaoth co làidir ’s a’ chabhlach co dlùth ’s gu ’n do bhrisdeadh iad air cladach an Dùin, ’s chaidh cumhachd ’s feachd nan Lochlannach lughdachadh co mòr ’s nach do thill iad riamh tuilleadh a dheanamh dòlais no a thoirt sgrios air an tìr. [TD 108-110] O’NEIL, AND HOW THE HAIR OF HIS HEAD WAS MADE TO GROW. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 111] [Beurla] O’ NEIL, ’S MAR A CHAIDH AM FALT AIR A CHEANN. GOBHAINN bh’ ann roimhe so ann an Eirinn, ’s bha e latha de na làithean ag obair anns a’ cheàrdaich agus thàinig òganach stigh ’s dà sheana-bhoirionnach aige. Thuirt e ris a’ ghobhainn, “Bhithinn ann ad ehomain,” ars’ esan, “na ’n toireadh tu dhomh tacan de ’n bholg ’s de ’n innean.” Thuirt an gobhainn ris gu ’n tugadh. Rug e an sin air an dà chaillich, chaith e cearcall mu ’m meadhon, ’s chàirich e ’s an teallach iad, ’s shéid e am bolg riu; thug e ’n sin mach iad ’s rinn e aon bhoirionnach a bu bhreadha ’s a chunnaic sùil duine de ’n dà chaillich. ’N uair a luidh an gobhainn ’s an oidhche, thuirt e ris a mhnaoi, “Thàinig fear rathad na ceàrdaich an diugh ’s dà chaillich aige, ’s dh’ iarr e orm treis de ’n bholg ’s de ’n innean, ’s rinn e ’m boirionnach a bu bhriadha a chunnaic sùil duine riamh air an [TD 112] dà chaillich. Tha mo mhàthair fhéin ’s do mhàthair fhéin againn ann an so, ’s tha mi ’smaointeachadh gu ’m feuch mi ri aon bhoirionnach ceart a dheanamh orra bho ’n a chunnaic mi am fear eile ’g a dheanamh.” “Dean,” ars’ ise, “tha mi làn-toileach.” Am màireach thug e mach an dà chaillich ’s chuir e ’n cearcall mu ’m meadhon, ’s thilg e ’s an teallach iad. Cha b’ fhada ach gus an robh coltach nach bitheadh na cnàimhean fhéin aige dhiùbh. Bha an gobhainn ’n a chàs gun fhios aige ’dé dheanadh e, ach thàinig guth air a chùlthaobh, “Tha thu ann ad éiginn, a ghobhainn, ach ma dh’ fhaoidte gu ’n cuir mise ceart thu.” Rug e air a’ bholg ’s théid e na ’s teinne riu; thug e mach iad a sin ’s chuir e air an innean iad, ’s rinn e boirionnach a bu bhriadha de ’n dà chaillich. Thuirt e sin ris a’ ghobhainn, “Bha feum agad ormsa an diugh, ach,” ars’ esan, “’s ann a ’s fearr dhuit mise fhasdadh, ’s cha ’n iarr mi ort ach darna leth de na bheir mi a mach; ach gu ’m bi so anns a’ chùmhnant, gu ’m bi an treas trian de m’ thoil fhéin agam.” Dh’ fhasdaidh an gobhainn e. Aig an àm sin chuir O’ Neil mach fios na ’m faigheadh e fear a chuireadh falt air, chionn cha robh falt idir air O’ Neil na air O’ Domhnull a bhràthair, gu ’n toireadh e dhoibh a’ cheathramh chuid d’ a mhaoin; ’s thuirt an gille ris a’ ghobhainn, “’S fhearr dhuinne falbh ’s bargan a dheanamh ri O’ Neil gu ’n cuir sinn falt air;” ’s rinn iad mar sin. “Abair thusa ris,” thuirt an gille ris a’ ghobhainn, “gu bheil gille agadsa a chuireas falt air, air son a’ cheathramh chuid d’ a mhaoin.” Bha O’ Neil deònach air a shon so, agus dh’ iarr an gille seòmar fhaotainn dhoibh fhéin, ’s dh’ iarr e coire a chur air, ’s teine math ris. Rinneadh mar a dh’ iarr e, ’s chaidh O’ Neil a thoirt stigh, ’s chuir e ’n a shìneadh air bòrd e, ’s rug e air an tuaidh ’s thilg e dheth an ceann, ’s chuir e ’n comhair na goille anns a’ choire e. ’An ceann tacain rug e air gramaiche mòr a bh’ aige ’s thog e suas an ceann leis, ’s bha toiseach fuilt a’ tigh- [TD 113] inn air. Ann an ceann treis thog e suas a rithist e leis a’ ghramaiche cheudna, agus an uair so ruigeadh car m’ a dhòrn de ’n fhalt bhriadha bhuidhe. Thug e sin an togail ud air, ’s bhuail e air a’ choluinn e. Ghlaodh sin O’ Neil greasad air ’s a leigeil air a chois, ’n uair a chunnaic e ’m falt briadha buidhe a’ tighinn ’n a shùilean. Rinn e riu mar a gheall e; fhuair iad a cheathramh chuid d’ a mhaoin. ’N uair bha iad so ’dol dachaidh ’s an spréidh aca, thuirt an gille ris a’ ghobhainn, “Tha mi nis ’dol a dhealachadh ribh, ’s nì sinn dà leth air an spréidh.” Cha robh an gobhainn toileach air so a thoirt dha, ach bho ’n a bha e ’n a chùmhnant fhuair e ’n darna leth. Dhealaich iad so, agus am beothach nach cailleadh an gobhainn an dràsd’ shiubhladh e rithist, ’s cha robh fhios aige c’ àite an robh e a’ dol, ’s mu ’n d’ ràinig e ’n tigh cha robh aige ach seann mhart nach do chaill e de ’n spréidh. ’N uair a chunnaic O’ Domhnull am falt a bh’ air a bhràthair, chuir e mach fios gu ’n toireadh e ’n treas cuid d’ a mhaoin seachad do aon ’s am bith a chuireadh air fhéin e. Smaointich an gobhainn gu ’m feuchadh e-fhéin g’ a dheanamh an dràsda gun duine ach e-fhéin. Chaidh e far an robh O’Domhnull ’s thuirt e ris gu ’n cuireadh e air-san e mar an ceudna, ’s gur e a chuir air a bhràthair, O’Neil, e, ’s dh’ iarr e ’n coire ’chur air ’s teine math ris. Thug e O’ Domhnull stigh do sheòmar ’s cheangail e air bòrd e, ’s rug e air an tuaidh, ’s thug e dheth an ceann ’s thilg e ’an comhair na goille e anns a’ choire. ’An ceann treis rug e air a’ ghramaiche dh’ fheuchainn an robh falt a’ cinntinn, ach ’an àite falt a bhi ’cinntinn ’s ann a bha na giallan ’tuiteam as. Bha an gobhainn ’an impis dol as a chiall, gun fhios aige ’dé dheanadh e, ’n uair a chualaig e guth air a chùlthaobh ag ràdhainn ris, “Tha thu ann ad éiginn.” Bha so gille na sgoil-duibhe, a bh’ aige fhéin roimhe, air tilleadh. Shéid e ris a’ choire na bu teodha, ’s thug e sin nuas leis an gramaiche a shealltainn ciamar a bha an ceann a’ deanamh, ’s [TD 114] bha am falt a’ cinntinn. An ath-uair a dh’ fheuch e e, ruigeadh car mu ’dhòrn dheth. “Bho ’n a bha e co fada gun chinntinn,” ars’ esan, “cuiridh sinn car a bharrachd mu ’m dhòrn;” ’s ’n uair a dh’ fheuch e rithist e, ruigeadh e ’n dà char. Thog e as a’ choire e, ’s bhuail e air a’ choluinn e; ’s ghlaodh e ’ghrad-fhuasgladh, ’s e ’faicinn ’fhalt buidhe sìos air a ghualainn. Chòrd am falt ris fior mhaith, bha barrachd fuilt air ’s a bh’ air O’ Neil a bhràthair. Fhuair iadsan ’cheart ni a chaidh ghealltainn doibh, ’s bha iad ’dol dachaidh air an rathad. Thuirt gille na sgoil-duibhe, “Nach fheàrr dhuinn ar treud a roinn?” “Cha roinn, cha roinn,” ars’ an gobhainn, “tog leat iad, bho ’n a fhuair mise saor.” “Ma tà,” ars’ esan, “na ’n dubhairt thu sin roimhe cha deachaidh thu dhachaidh falamh no air aon mhart; agus leis a sin,” ars’ esan, “bheir thu leat h-uile h-aon diùbh, cha ghabh mise gin diùbh.” Chaidh an gobhainn dachaidh leis an spréidh sin, ’s cha do ruig e leas buille a bhualadh ’an ceàrdaich tuille, ni mò a thachair e-fhéin air fear na sgoil-duibhe tuille. [TD 115-118] BEAST FABLES. THE WOLF AND THE FOX. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 119] THE FOX AND THE BIRD. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 120] THE WREN. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 121] [Beurla] (Bha e ’ga dhudadh null ’s ’ga dhudadh nall, ’ga chruaidh-cheangal ’s ’ga bhuain-mòine; bu gheal a shnuadh ’s bu dhearg a ghruaidh, ’s cha tugadh e Meacain o chraicionn loma na talmhain; Meacan nam buadh ’s nam beannachd.) [Beurla] (’S bha iad ’ga dhudadh null ’s ’ga dhudadh nall, ’ga chruaidh-cheangal ’s ’ga bhuain-mòine; bu gheal an snuadh ’s bu dearg an gruaidh ach le ’n uile dhichioll ’s le ’n cruaidh-neart cha tugadh iad am Meacan o chraicionn loma na talmhain: Meacan nam buadh ’s nam beannachd). [Beurla] [TD 122] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 123] (“Glìtheag, glitheag,” ors an Fhaoilean, “’se mo mhac-sa an Daogheal Donn.” “Gurra, gurra,” thuirt an Fheannag, “’se mo mo mhac-sa an Garrach Gorm.” “Gnog, gnog,” ors am Fitheach, “’s e mo mhac-sa ’chriomas na h-uain.” “Glig, glig,” thuirt an Iolaire, “’s e mo mhac-sa ’s tighearna oirbh.”) [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 124] [Beurla] (Sleamhuinn ’s buidhe mo bhian, ’S cha do chuir e eang air sliabh Beathach riamh ’bheireadh orm.” “An cuilean bus-dubh buidhe, Ceud chù na saighe Rugadh anns a’ Mhàrt ’S a bheathaichte air garibhean ’S air bainne ghabhair Cha do chuir e eang air sliabh Beathach riamh nach beireadh e air.) [Beurla] [TD 125] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 126] THE CAT AND THE MOUSE. A GAELIC NURSERY RHYME. [Beurla] Thuirt an Luchag, ’s i ’s an fhròig, “’Dé th’ air t’ aire, a Chait Ghlais?” “Càirdeas ’s comunn ’s gaol: Feudaidh tusa tighinn a mach.” “Is eòlach mi air an dubhan chrom ’Tha ’n sàs ann am bonn do chas! Mharbh thu mo phiuthar an dé, ’S ann air éiginn ’fhuair mi-fhéin as. A chaoitein, mhic Ghrìmeich Ghlais, [TD 127] C’ àit an robh thu ’n raoir air chuairt?” “Dh’ fhalbh mi air mo làimh-chlì ’Shealg nan ìsbean ’s an droch uair; Mhothaich fear-an-tighe dhomh, Mo shùìl druidte ’s mo phluic làn; Theannaich e m’ amhach gu cruaidh, ’S ghlaodh e nuas air corc a’ chàis, Thug e dhiom-sa an leth-chluas ’S am faillein ruadh gu ruig an cnàimh.” [Beurla] [TD 128] GAMES. BOY’S GAMES. [Beurla] Croman. “Leigeadh da, leigeadh da, Dia,” Righ. “Co as a thàinig thu, a Chromain Fhàsaich, no ’de an dràsda thug so thu?” Croman. “Thàinig mi a m’ fhonn ’s a m’ fhearann, ’s a m’ fhàsach fhéin.” [TD 129] Righ. “’Dé chuir fearann ’s fonn ’s fàsach agadsa ’s mise gun fhonn gun fhearann gun fhàsach.”? Croman. “Mo chruas, ’s mo luathas, ’s mo làidireachd fhéin.” Righ. “Tha òganach geur donn agamsa a leagadh tu, ’s a bhreabadh tu, ’s a bheireadh sia deug dh’ iallan do dhroma asad, agus iall g’ ad cheangal; ’s a mhi-mhodhaicheadh do bhean ann an clais na h-inne ’s tu fhéin ceangailte. Croman. “Cuir a mach so e ma ta.” [Beurla] [TD 130] [Beurla] Righ.—“Dida-a-didacha-dìsa, a Chromain Fhàsaich, co as dràsda a choisich thu?” Croman.—“Feuch ’bheil gìomanach donn agad a chumas rium.” Righ—“Tha agamsa gìomanach donn a chumas riut ’s a dheanadh loth pheallagach dhiot aig dorus an tighe, etc.” [Beurla] Làir a’ pharsonaich air chall, ’S mòr an nàire dh’ i bhi ann; Feuch cò ghoid i. [Beurla] [TD 131-132] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 133] APPENDIX. I.—FINLAY GUIVNAC. [Beurla] “Bheir mi ’n sgrìob so air na Guibhnich Air son cuimhneachadh o nuadh. [Beurla] “Sgrios a’ chorrain air a’ choinnlein Air na bheil beò do na Guibhnich.” [Beurla] “Dean mo ghearan gu cuimhneach Ris na Duimhnidh ghlan uasal.” II.—PORT-NAN-LONG. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 134] [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 135-137] III.—A TRADITION OF MORAR. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 138] IV.—CORRESPONDENCE BETWEEN J. F. CAMPBELL OF ISLAY AND J. G. CAMPBELL. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 139] [Beurla] “Eisdibh beag ma ’s àill leibh laoidh * * * * * * * Chaidh am bior nimh’ bu mhòr cràdh An Sàil an laoich nach tlàth ’s an trod— ’S e ri sior chall na fala Le lot a’ bhior air a bhonn.” [TD 140] [Beurla] [TD 141] THE FAIRY SONG. [Beurla] Fairy:—“’S e mo leanabh mìleanach Seachd Maileanach Seachd Dhuanach, Gual na lag; ’s lag na luineach Nach d’ fhàs “nacach.” [Beurla] [TD 142] Mother:—Se mo leanabh ruiteach (colour ruddy) Reamhar molteach Miuthear mo luachair Ohog ri mnathan M’ eòin ’us m’ uighean On thug thu muine leat ’Us maire leat ’Us mo chrodh lùigh ’Us mo lochraidh leat. Mother:—Bha thu fo ’m chrios an uire ’S tha thu ’m bliadhna Gu cruinn buanach Air mo guailain Feadh a bhaile. Fairy:—Thug go gu gŏrach (fat, Reciter) Mnath ’n òg a bhaile Lan shaochail* uimach Thug go gu gŏrach Le ’n ciabhan dhonna Le ’n ciabhan troma [He said at first somewhere, “Le ’n ciochan corrach” ? place.] Thug go gu gŏrach ’S le ’n suilean donna Mother:—Se sin Leoid Na lorg ’s na luireach Se Lochlan bu duchas dhuit O fire fire nì mi uimad Cireadh do chinn Ni mi uimad. Fairy:—Fire fire nì mi uimad Cha tu an uan beag [TD 143] Ni mi uimad Crodh ’us caorich Ni mi uimad. Mother:—Fire fire ni mi uimad Breachan chaola Ni mi uimad Fire fire ni mi uimad A bhog mhiladh (? fileadh. Oh soft soldier, soft mine own) O bhòg ’s leam thu O bhog mhìlidh bhog Mo bhrù a rug O bhog mhilidh bhog Mo chioch a thug O bhog mhilidh bhog Mo gluin a thog O bhog mhilidh Bho ’s leam thu. Fairy:—B’ fheàrr leam gu faic mi do bhuaille Gu àrd àrd an iomal sleibhe Còta geal cateanach† uaine Mu do ghuailain ghil ’us léine. Nurse:—B’ fhearr leam gu faichean do sheisearach Fir na deance (?) a cuit shìl Gu rò do cheol air feadh do thalla (land or hall) Leann bhi ga gabhail le fìon Bhog mhìlidh bhog ’S leam thu. * Suobhcail or saobh chiall. † Hairy, rough, shaggy. [TD 144] [Beurla] NOTE. The Fairy Song in the MS. is most difficult to read. It was written phonetically, and is now in some places indistinct. The following transliteration and translation by Mr. Duncan Mac Isaac, of Oban, show a probable reading, and this may be enough, in view of the spell-words of the fairy, whose mystic diction appears to have been of a conservative quality, and to have affected the responses of the infant’s mother.—[A. C.] Fairy—’S e mo leanabh mi-loinneach Seac maoileanach Seac ghuanach, Guailne lag, ’s lag ’n a lùireach Nach d’ ùisinnicheadh. Mother:—’S e mo leanabh ruiteach Reamhar moltach M’ iubhar mo luachair A thog ri mnathan M’ eòin is m’ uighean O ’n thug thu m’ ùine leat Is m’ aire leat Is mo chrodh-laoigh Is mo laochraidh leat. [TD 145] Mother:—Bha thu fo ’m chrios an uiridh ’S tha thu ’m bliadhna Gu cruinn buanach Air mo ghualainn Feadh a’ bhaile. Fairy:—Thuth gò gugurach Mnathan òg a’ bhaile Làn shòghail uidheamach Thuth gò gugurach Le ’n ciabhan donna Le ’n ciabhan troma Thug go gugurach Le ’n cìochan corrach ’S le ’n sùilean donna. Mother:—’S e sin Leòid ’N a lorg ’s ’n a lùireach ’S Lochlann bu dùthchas dhuit O fire fire nì mi umad Cìreadh do chinn Nì mi umad. Fairy:—Fire fire nì mi umad Cha tu an t-uan beag Nì mi umad. Crodh is caoraich Nì mi umad. Mother:—Fire fire nì mi umad Breacain chaola Nì mi umad Fire fire uì mi umad A bhog mhìlidh O bhog ’s leam thu [TD 146] O bhog mhìlidh bhog Mo bhrù a rug O bhog mhìlidh bhog Mo chìoch a thug O bhog mhìlidh bho Mo ghlùin a thog O bhog mhìlidh Bho ’s leam thu. Fairy:—B’ fheàrr leam gu faic mi do bhuaile Gu àrd àrd ’an iomall sléibhe Còta geal caiteineach uaine Mu do ghualainn ghil is léine. Mother:—B’ fheàrr leam gu faicinn do sheisreach Fir na deannaige a’ cur sìl Gu robh do cheòl air feadh do thalla Leann ’bhi ’g a ghabhail le fìon Bhog mhìlidh bhog ’S leam thu. [Beurla] [TD 147-150] [Beurla]