[DA 1] THE FIANS. [DA 2] Waifs and Strays of Celtic Tradition. Series initiated and directed by LORD ARCHIBALD CAMPBELL. Demy 8vo, cloth. ARGYLLSHIRE SERIES. VOLUME I. CRAIGNISH TALES. Collected by the Rev. J. MACDOUGALL; and Notes on the War Dress of the Celts by LORD ARCHIBALD CAMPBELL. xvi, 98 pages. 20 plates. 1889. 5s. VOLUME II. FOLK AND HERO TALES. Collected, edited (in Gaelic) and translated by the Rev. D. MACINNES; with a Study on the Development of the Ossianic Saga and copious Notes by ALFRED NUTT. xxiv, 497 pages. Portrait of Campbell of Islay, and Two Illustrations by E. GRISET. 1890. 15s. “The most important work on Highland Folk-lore and Tales since Campbell’s world-renowned Popular Tales.”—Highland Monthly. “Never before has the development of the Ossianic Saga been so scientifically dealt with.”—HECTOR MACLEAN. “Mr. Alfred Nutt’s excursus and notes are lucid and scholarly. They add immensely to the value of the book, and afford abundant evidence of their author’s extensive reading and sound erudition.”—Scots Observer. “The Gaelic text is colloquial and eminently idiomatic. … Mr. Nutt deserves special mention and much credit for the painstaking and careful research evidenced by his notes to the tales.”—Oban Telegraph. VOLUME III. FOLK AND HERO TALES. Collected, edited, translated, and annotated by the Rev. J. MACDOUGALL; with an Introduction by ALFRED NUTT, and Three Illustrations by E. GRISET. 1891. 10s. 6d. [DA 3] WAIFS AND STRAYS OF CELTIC TRADITION. ARGYLLSHIRE SERIES.—NO. IV. THE FIANS; OR, STORIES, POEMS, & TRADITIONS OF FIONN AND HIS WARRIOR BAND. Collected entirely from Oral Sources BY JOHN GREGORSON CAMPBELL, Minister of Tiree. WITH INTRODUCTION AND BIBLIOGRAPHICAL NOTES BY ALFRED NUTT, PORTRAIT OF IAN CAMPBELL OF ISLAY, AND ILLUSTRATION BY E. GRISET. LONDON: DAVID NUTT, 270-71 STRAND. 1891. [DA 4] [Blank] [DA 5-6] CONTENTS. [Beurla] [DA 7] PREFACE. [Beurla] [DA 8] [Blank] [DA 9-13] INTRODUCTION. [Beurla] [DA 14-38] INTRODUCTION. [Beurla] [DA 39] NOTE. [Beurla] [DA 40] [Blank] [TD 1] THE FIANS. [Beurla] [TD 2] “Gach Dan gu Dan an Deirg, Gach Eachdraidh gu Eachdraidh Chonaill, Gach Laoidh gu Laoidh an Amadain Mhoir: ’S gach Moladh gu Moladh Loch Cé.” [Beurla] “Mo mhire bhog bhinn thu, Siol Cholla ’s Chuinn thu, Mo mhire bhog bhinn thu, Siol a chinne Chuinn thu. “Mo mhire bhog, mo luachair bhog, Mo chneamh an creig, Mar bhi an sian th’ air do chois, Gu’n togamaid leinn thu. [TD 3] “Siol Cholla is Chuinn thu, Mo mhire bhog bhinn thu, Mo mhire bhog, Mo ghlùn a thog, Mar bhi an losgadh th’ air do chois, Gu’n togamaid leinn thu.” [Beurla] [TD 4] [Beurla] “A dhuine dhona dholaich ’S miosa dh’ fhag na fhuair.” [Beurla] [TD 5] [Beurla] “Chi mi un t-sheobhag, chi mi ’an cù Leis an deanamh mo rùn ’n t-sealg On a b’ ionmhuinn leis an triuir Carair sinn san ùir le Dearg.” [Beurla] [TD 6] CONLAOCH AND CUCHULLIN. [Beurla] “Is fhada briagha do shlios a churaidh.” [Beurla] [TD 7] [Beurla] “‘Is mise Conlaoch mac-nan-Con, Oighre dligheach Dhùn t-sealbha, An rùn a dh’ fhàgadh am broinn, An Dùn-sgàich ga fhoghlum.’ “‘Mo mhallachd, a mhic, air a mhàthair, O Dhùn-sgàich gu Dùn faoghlum; ’Se an rùn bha na cridhe Dh’fhàg mo liantan cho dearg.’ “‘’S olc an aithne rinn thu orms’, Athair uasail uaibhrich ghràdhaich, Nuair thilginn ort gu fiar fann, An t-sleagh an ceann a h-earraich.’ [TD 8] “‘Och nan och! is och eile! Cha-n i’n och an nochd an eire, Faoibh mo mhic san darna làimh ’S na h-airm san làimh eile.’” [Beurla] DEIRDRE. [Beurla] [TD 9] [Beurla] [TD 10] THE FIANS. [Beurla] “Conn Mac-an-Deirg air a lionadh le trom fheirg, Tighinn a dhioladh bas Athair gun fheall, Air uaislibh ’s air maithibh na h-Eírinn.” [Beurla] [TD 11] [Beurla] [TD 12] [Beurla] “Sean torc liath bha riabh ri olc, Aig Mala Lìath air sealbh mhuc.” [Beurla] [TD 13] [Beurla] “Leum gach fear barr ceann sleagha, ’S dh’ fhag iad MacRedhinn sa Chaol.” [Beurla] “Bu lionmhoir na driùchd air feur Ceann cuisle gearrte an sleasaid Fhinn.” [Beurla] [TD 14-15] [Beurla] [TD 16-28] I.—FIONN MAC CUMHAIL. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 29] II.—OSCAR. [Beurla] “Cha ’n i sud ach an Sguab-gabhaidh, Bratach Oscar chrodha laidir; Nuair a rigteadh cath nan cliar Cha b’ fhiu a fioraich ach an Sguab-gabhaidh.” [Beurla] [TD 30] [Beurla] “Ach samhuil d’ Oscair mo mhac sa Cha robh aca bhos na thall.” [Beurla] [TD 31-38] [Beurla] [TD 39] [Beurla] CATH GABHRA, NO LAOIDH OSCAIR. Cha ’n abair mi mo thriath (1) ri m’ cheol, Ge oil (2) le Oisian e nochd, Oscar is an Cairbhi calma (3) Thuiteam ann an Cath Gabhra. Thainig fios thugainn a nuas, Dh’ ionnsuidh Oscair chruaidh na Féinne E dhol dh’ ionnsuidh fleadh le’ Fhiann ’S gum faigheadh e cìs (4) da réir. An t-Oscar aluinn nach d’ ob naimh (1) Tri cheud fear treun Dh’ imich leis, freasdal da thoil ’s da fheum. * * * * * * A bhaobh (5) a nigheas an t-eudach, Deansa dhuinne ’n fhaistneachd cheudna, An tuit aon duine dhiu leinn, No ’n d’ theid sinn uile do neo-ni.” (1) They then reached Cairbre’s house, where the three days were spent in drinking. [TD 40] “Marbhar leats’ (ars ise) caogad (6) ceud, ’S gonar leat an righ e fein, ’S a raogha nam fear a laigheas leat, A shaoghal uile gu’n d’ thainig.” Fhuair sinn onoir, ’s fhuair sinn biadh, Mar a fhuair sinn roimhe riamh, Bhi subhach a’ dol a steach Maille ri Coirbhi an Teamhair (7). An latha mu dheireadh de’n òl Ghlaodh Cairbhi le guth mòr “Iomlaid sleagha (cruinn) b’ àill leam uait, Ard Oscair dhuinn na h-Alba.” “Ge be ’n iomlaid sleagha th’ ort, A Chairbhi ruaidh nan long phort, S’ tric bu leat mis’ agus mo shleagh ’N àm cath agus cruaidh chòmhraig. “Ach malairt croinn gun mhalairt cinn B’ eucorach sud iarraidh oirnn; ’S e fàth an iarrtuis sin, Mise bhi gun Fheinn gun athair.” “Ged do bhiodh an Fhéinn is t’ athair, Co math ’s a bha iad ’sa bheatha Cha b’ uilear leamsa dhomh fhìn Gach ni dh’ iarrainn gum faighinn.” “Na’m biodh an Fhéinn is m’ athair, Co math ’s a bha iad ’sa bheatha, ’S gann gum faigheadh tu bhos, Leud do thighe do dh’ Eirinn.” Lion fuath na laoich làn Ri éisdeachd na h-iomarbhaigh, Briathran borba, leth mar leth, Eadar an Cairbhi ’s an t-Oscar. Briathran buan sin, briathran buan, A bheireadh an Cairbhi ruadh: [TD 41] “An t-sleagh nimhe sin ad dhòrn ’S ann uimpe bhios do luath-bhàs.” Briathran eile an aghaidh sin A bheireadh an t-Oscar calma, Gu’n cuireadh e sleagh nan naoi seang Ma choimeachd fhuilt agus fheusaig. Briathran buan sin, briathran buan, A bheireadh an Cairbhi ruadh, Gu’n cuireadh e sleigh nan seachd seang Eadar àirnean agus imleag. ’S thugadh leinnan la’r na mhaireach, Cho liona da ’n Fhéinn ’s a bha sin, Thugadh leinn ar feachd ’s ar sluagh, Gus an taobha tuath de dh’ Eirinn (8) Nuair a tharladh sinn ann, Am bealach cumhann an caol ghleann, Ghlaodh Cairbhi le guth àrd, Loinnearchd (9) a’ teachd’ nar còmhdail. Thainig oirnn ’s cha b’ ann gu’r cobhair, Coig fichead do dh’ fheara bogha, Thuit sid air laimh Oscar thall, ’S chaidh masladh (10) gu righ na h-Eirinn. Coig fichead Gaidheal garg, Thainig a tir uamhainn ghairbh, Thuit sid air laimh Oscar thall, ’S chaidh masladh gu righ na h-Eirinn (11) Coig fichead de dh’ fhearabh feachd Thainig a tir ghairbh an t-sneachd, Thuit sid air laimh Oscar thall, ’S chaidh mosgladh gu righ na h-Eirinn Coig fichead Cairbhi ruadh (12) Bu chosmhuil ri Cairbhi ’n t-sluaigh, Thuit sin air laimh Oscar thall, ’S chaidh masladh gu righ na h-Eirinn [TD 42] A chòigear a b’ fhaigse do ’n righ, G’am bu dual gaisge agus mor ghniomh, Thuit sid air laimh Oscair thall, ’S chaidh masladh gu righ na h-Eirinn Nuair a chunnaic an Cairbhi ruadh Oscar sìor-shnaidheadh an t-sluaigh, An t-sleagh nimhe (13) bha’ na dhorn Thilg e sud an comhdhail Oscair. Thuit Oscar air a ghlun deas ’S an t-sleagh nimhe roimh chneas, S thug e ’n ath urchair a null Ma choimeachd fhuilt agus fheusaig An sin thuirt sluagh Chairbhi ri Mhac: “Eirich, Airt, is glac do chlaidheamh, ’S dean seasamh an àite t’athar, Mur ’eil an t-eug ort a’ brathadh, Measar dhuinne gur mac rath thu.” Thug e ’n ath urchair an àird ’S ar leinne gum bu lèoir a h-àird, ’S leagadh leis aig meud a chuims’ Art Mac Chairbhi air an ath urchair. Sluagh Chairbhi bu gharg gleachd, Chuir iad Cath Gabhra (14) mu cheap; Chum ’s gum faighteadh leo buaidh làrach, Air faicinn Oscar gu cràiteach. Thog e leacag thana chruaidh Thar na talmhainn, taobh a’ bhruthaich, ’S bhriste Cath-Gabhra mu cheap; ’S e gniomh mu dheireadh mo dheagh mhic “Togaibh leibh mi nise, Fhiann, Ni nach d’ rinn sibh roimhe riamh, Thugaibh mi gu tulaich ghlain, Ach gum buin sibh dhiom an t-eudach” (15) [TD 43] Thog sin leinn an t-Oscar àluinn Air bharraibh (16) nan sleagha àrda, ’S thug sinn da iomrachadh grinn, Gus an d’ thàinig sinn tigh Fhinn Chuala sinn air traigh mu thuath, Eubhach sluaigh is faobhar arm, ’S chlisg air gaisgich gu luath, Mu’n robh Oscar a’ fàs marbh. “Marbhaisg ort, a mhic nam buadh, (17) Ni thu breag an darna uair, Loingeas mo sheanar a t’ ann, Is iad a’ teachd le cobhair thugainn.” Bheannaich sinn uile do dh’ Fhionn Ma bheannaich, cha do bheannaich dhuinn; Shil na deòir fhala o rosg, ’S thionndaidh e ruinn a chùlaobh “Is miosa, mhic, a bha thu dheth An latha sin bha sinn ’n Dun-sgàthaich, (18) Nuair shnàmhadh na geòidh (19) air do chneas, ’S e mo lamh-sa rinn do leigheas.” “Mo leigheas cha ’n ann le fàs, (20) ’S ni mò nìtear e gu bràth, ’N t-sleagh dhomhain ’s an taobh a deas Cha dual gu’n deantar a leigheas.” “Is miosa, mhic, a bha thu dheth An la bha sinn an Dundealgain, Shnàmhadh na geòidh air do chneas ’S i mo làmh-sa rinn do leigheas.” “Mo leigheas cha’n ann le fàs ’S ni mò nitear e gu bràth, O na tha sleagh nan seachd seang, Eadar m’ àirnean agus m’ imleag.” “’S truagh nach mise a thuit ann An cath Gabhra grianach gann, [TD 44] ’S tusa bhi ’n ear ’s an iar, ’G imeachd roimh na Fianntai, Oscair.” “Ged bu tusa thuiteadh ann An cath Gabhra grianach gann, Aon osna ’n ear no ’n iar Cha chluinnteadh’, gad iargain aig Oscar. (21) “Cha d’ fhiosraich duine riamh Cridhe feòla bhi am chliabh, Ach cridhe de chuinn a chuir (22) ’N déis a chomdachadh le stàilinn. “Ach donnalaich nan con ri m’ thaobh. Agus bùireadh nan seann laoch, ’S gul a’ bhannail mu seach, Sid an rud a chràidh mo chridhe.” “Laogh mo laoigh thu, laogh mo laoigh, Leanabh mo leinibh, ghil, chaoil, Mo chridhe leumadh mar lon (23) ’S mo chreach léir nach eirich Oscar. “Bàs Oscair a chraidh mi ’m chridhe, Treun fear Eirinn, ’s mòr g’ar dìth, C’ àite am faca mi ri m’ linn Aon cho cruaidh riut air chùl loinn.” Cha chaoineadh bean a fear fhéin, ’S cha chaoineadh piuthar a brathair— Na bha sin uile mu ’n teach Bha sinn uile caoineadh Oscair. Mise bheireadh seachad fhéin Fitheach dubh mo mhi-cheill A chòig tha sinn mu’n chlàr Ach sùil fir a bhi’ ga shocadh. (24) [TD 45-48] NOTES. [Beurla] [TD 49] III.—GOLL, [Beurla] [TD 50] [Beurla] Is e mac nighean Fhinn a bha ann an Coireal, ’se b’ ainm dhà Coireal o cnàimh ’s nuair bha e ’na bhogbhalach bha choltas air gur h-è duine bu làidire ’s a b’ fhoghaintich’ a bhiodh san Fheinn. Bha màthair Ghuill sean, agus air call a fiaclan, agus bha na cnaimhean bu mhotha air an cumail air a son, agus bha i tighinn beo air an smior. Bha Coireal air a ghualadh gum feumadh e h-uile cnàimh sam biodh smior thoirt do ’n chaillich. Latha bha sin fhuair e cnàimh mòr agus dhiult e thoirt seachad. Bha eagal air Fionn corruich a chur air Goll, agus ’se bhreth thug e, gum biodh toll air a chur ann an déile fiodh, [TD 51] agus an cnàimh air a chur ann agus gu ’n slaodadh Goll an darna ceann, agus Coireal an ceann eile, agus co sam dhiu bheireadh an cnaimh a mach roimh ’n toll, gum biodh an cnàimh leis. Rinneadh so, ’s bha choltas gum bitheadh an cnàimh aig Coireal; thug e lamhan Ghuill gu bial an tuill, Thuirt Fionn an so, gum feumadh an cnàimh a thiunndadh agus an ceann garbh thoirt do Gholl. Rinneadh so ’s mu dheire thall thug Goll leis an cnàimh. Thug e ’n tarruing ad air a chnàimh, agus thilg e air Coireal e, los a spadadh. Chunnaic Coireal e tighinn, ’s chrom e cheann as an rathad. Bhuail an cnàimh a’ chailleach, agus mharbh e i. “Tapadh le Goll,” orsa Coireal, “mhàrbh e mhàthair,” agus is ann uaith sin a thainig an sean-fhocal. [TD 52-53] IV.—DERMID. [Beurla] [TD 54] [Beurla] “Dhearmaid tomhais an torc, Co meud troigh o’ shoic gu shail?” [Beurla] [TD 55-59] [Beurla] [TD 60] [Beurla] LAOIDH DHIARMAID. Eisdibh beag ma ’s aill leibh laoidh Air a chuideachd chaoidh so a craidh, Air Grainne is air Fionn fial, ’S air Mac o Duimhne a b’ fhearr buaidh. An gleann sin, ’s an gleann ri thaobh, Far am bu bhinn guth feidh ’s loin, Far ’m b’ tric a bhiodh an Fhéinn Sear ’s siar gu dian le ’n coin. ’Nar suidhe dhuinn air Beinn Ghulbainn, A ’s aille tullaichean tha fo’n ’n Ghrein, Is tric bha na sruthain dearg Aig an Fhéinn a’ sealg nam fiadh. Dh’ iomair iad, ’s bu mhor a ’cheilg, Air Mac o Duibhne ’bu dearg lìth, ’Dhol a bheinn Ghulbainn a shealg An tuirc, ’bu deacair ’airm a chlaoidh. “A Dhiarmaid (ors ise) na freagair an fhaoghaid, ’S na taghaill am fireach breugach, ’S na bi teann air Fionn MacCumhail, O ’s caoidheadh leis bhi gun cheile.” “A ghaoil nam ban, a Ghrainne (ors esan), Na toill thusa nair’ ad chéile, Fhreagarainn-sa guth na seilge A’ cheart aindheoin fir na Féinne.” Dhuisg iad a ’bheisd as a suain, Na freiceadan shuas air a ’ghleann, An eisdeachd ri gairich nam Fiann ’S iad gu dian os a cionn. Leig iad ris na deadh ghaothair, Gaothair Fhinn, ’s fir na seilg, ’S gu ’n d’ rinn iad mhuc bhàn a liodairt, [TD 61] ’S gus ’n robh h-eanchain air tionndadh. Mhic o Duibhne a thréuin, Ma ’s e gu ’n deid do euchd leat, Bi thusa cuimhneach air a laimh, So an t-sìth fa deanntear leat. Mac o Duimhne nan arm aigh, Air faicinn dha an uile-bheist, O shlios thaobh-gheal shamhach thlàth, Chas e ’n t-sleagh ’an sail an tuirc. Tharruing e crann o ’n dorn gheal bhan A chum a shathadh ’na chorp. ’S bhristeadh leis an crann ’na thri, Gun aon mhir a chur san torc. Tharruing e an t-sean lann as an truaill, O’ si buaidh buaidh gach blàir, ’S mharbhadh leis an uile-bheist, ’S thearuin e fhein uaipe slan. Luidh sprochd air Fionn fial, ’S leig se e fhein siar air a ’chnoc, Mac o Duimhne nan arm aigh Dhol as slan air an torc. Air dha bhi tamull ’na thosd, Labhair e ’s gum b’ olc r’ ’radhain, “Dhearmaid tomhais an torc Co mhiad troidh o shoic gu shall?” Cha do dhiult e achanaich Fhinn, ’S b’ aithreach leinn a theachd o’ tigh Thomhais e ’n torc air a dhruim, Mac o’ Duimhne an trom troidh; “Sia troidhean diag de dh’ fhior thomhas Ann an druim na muice fiadhaich.” “Cha ’n e sin idir an tomhas, ors Fionn, Tomhais e rithist a Dhiarmaid, Dhiarmaid tomhais e rithist an aghaidh gu mion. Geibheadh tu do dhuais da chionn, Raoghadh nan arm roinn-gheur ùr.” Thomhais e ’s cha bu thuras àigh, Mac o Duimhne an trom troidh; [TD 62] Tholl am bior-nimh bha garg, Bonn an laoch, bu gharg ’san trod, “Aon deoch as do chuaich, Fhinn, A dheadh righ gu mo chobhair; O ’n chaill mi mo bhladh ’s mo bhrigh Ochan ’s truaigh mi mar d’ thoir.” “Cha d’ thoir mise dhuitsa deoch, Cha mho chaisgeas mi t-iotadh, ’S beag a rinn thu riamh do ’m leas; ’S mo gu mor a rinn thu ’m ainleas.” “Cha d’ rinn mise cron ort riamh, Thall na bhos sear neo siar; Ach imeachd le Grainne fo bhraid, Tuar ’gam thoirt fuidh gheasaibh.” Thuit e sin fuidh chreuchd, Mac o Duimhne nan ciabh cleachd, Sar fear fulanach nam Fiann, Air an tullaich siar fo dheas. Cumhachdach gu mealladh bhan, Mac o Duimhne bu mhor buaidh; Air suiridhe cha do chuireadh duil, Bho ’n chaidh an ùir air a ghruaidh. Bha guirme, bha glaise ’na shuil, Bha mìne bha maise ’na ghruaidh; Bha spionnadh, bha tabhachd san laoch, ’S bha sid saor o cneas bais. Dh’ adhlaic sinn air an aon tulaich, An àm suidheachadh na muice fiadhaich, Grainne nic Chormaic a’ Chuillinn, Da Chuilean, agus Diarmaid. [Beurla] [TD 63] [Beurla] “Air Fionn gun togainn fonn, ’S air Diarmaid donn bu mhath leum seinn, Ach duan cha tog mo chlarsach Ach dan air gradh nan caileagan.” [Beurla] [TD 64] V.—CAOILTE. [Beurla] “Cur an crosan mu d’ thaobh Mhic Rònaig a ghaoil do dh’ fhearaibh ’S na seachainn mac mna’ no mathar Thig no thainig air thalamh, Air fhuath, no air athadh, no air eabhonadh.” [Beurla] [TD 65-66] [Beurla] [TD 67] [Beurla] DUAN NA CEARDAICH. Latha dhuinn air Luachar Leòthaid Da cheathra da chro air buidheann Oscar, is Daorghlas, is Diarmad, Bha Fionn fhéin ann ’s b’e Mac Cumhail. Chunnacas a’ tighinn’ nar còiribh Aon fhear mòr, is e air aona chois Aon suil mhullach an clàr aoduinn ’S e sior-dheanadh air Mac Cumhail. Bu ghrannda tighinn an oglaich mhoir Bu ghrannda sin ’s bu duaichnidh Le clogada ciar-dhu craicinn nach [dh’] fhas dualach, Air mhaol bhearta ’s air dhearg ruadh bhrig. [Le clogada ceanna mhor ceutach Air mhaol eididh a d’ fhas duaichnidh.] “Co as thaine tu, dhuine, No ’n culaich thu gu cumadh chraicionn?” “Cha chulaich mi gu cumadh chraicionn.” [TD 68] Ach thainig mi g’ur cuir fo gheasaibh, O ’n a ’s luchd sibh tha freasdal armachd, Sibh g’am leantuinn buidheann shocrach, Siar gu dorsaibh mo cheardach. Lon Mac Liòbhunn is e m’ ainm ’S mi gaisgeach is fearr an taobh-sa Righ! gur nearachd bean a dh’ araich mi Mi fhein ’s mo dha bhrathair eile.” [Eamunn Toisneadh b’ e m’ ainm Na’m biodh agaibhs’ orm beachd sgeula, ’S gum bithinn ri obair gobhainn Aig righ Lochlin ann an Speula (Spaoilidh).] “C’ait, a thruaill, am bheil do cheardach, No’n fhearrda sinne (dol) g’a faicinn?” Faiceadh sibhse sin ma dh’ fheudas ’S mu dh’ fheudas mise cha-n fhaic sibh. Chaidh iad sin’ nan ceithir buidhnean Mar choig a muigh an a Cuimrig B’e buidheann dhiu sin an gobhainn ’S bu bhuidhean eile dhiu Daorghlas. Thug Lon as, mar ghaoth luath earraich, Mach roimh ghleannaibh dubh an t-sleibhe ’S cha ’n fhaiceamaide ach air éiginn Cirb da eididh air a shailteann. Var. [Cha deanadh an gobhann ach aona cheum Thar gach glinne is fàsaich.] Bha Fionn air roinne (dheiridh) ’san uair sin, ’S beagan de dh’ uaislibh na Féinne Tearnadh le ùrlar a’ ghlinne Dìreadh ri bealach na gaoithe. Chualas an sin builg’ gan seideadh, ’S fhuaradh cheart air éiginn ceardach. “Foiseadh beag ort,” thuirt an gobhainn, “Na druid romham,” arsa Daorghlas, [TD 69] “Na fàg mise so ’nam aonar Siar mu dhorsan do cheardaich.” Var. [An aite teann ’s mi nam aonar.] Bha seachd goibhnean ann ri mire [Seachdnar] de dhaoine duaichnidh mi-shealbhach Bha seachd làmhan air a’ ghobhain, Seachd teanchraichean leothar eatrom, Seachd uird a bha ga spreigeadh ’S cha bu mhiosa fhreagradh Caoilte. Labhair an sin fear de na goibhnean Gu grimeach, agus gu gruamach, “Co ’m fear caol tha sid gun tioma Shìneas a mach teine cruadhach.” “Sin,” thuirt Fionn, fear fuasgladh cheiste Lamh nach teagaisgear gun fhuathas, “Cha bhi ’n t-ainm so air gun sgaoileadh Bha Daor-ghlas air gus an uair so.” Caoilte fear faire na ceardaich Sgial deirge ’n truid aige ’S bu deirg e na gual daraich A shnuadh ri tarruing (toradh) na h-oibreach. Fead agus Fard agus Faondail Ri da làimh chaola mhic na ceardach ’S a’ mhuireartach fhada bha aig Diarmad ’S ioma duine riamh a mharbh i. Var. [’S an lamh (lann) fhada bha aig Diarmad, Is iomadh latha riamh a dhearbh e.] [Beurla] [TD 70] [Beurla] [TD 71] [Beurla] DUAN NA CEARDAICH. Latha dhuinn bhi ’sa bheinn-t-seilg, Chunnacas sealladh leinn bho ’n ear, Fear mor colgarra cruaidh ’S gum b’ fhuathach leinn e thi’nn ’nar car. Le bhondal du ciar-dhu craicionn Le lionan (1) breac as dath ruadh air. Le churrachd mu chiona-mhaoil cheusaidh Bha geur ’s e ro-ghruamach. ’S aon sùil mhullach an clar-aodainn, ’S e sior-dheanadh air Mac Cumhail. Sin mar labhair Mac Cumhail, “Na leigibh an duine seachad Cuiribh air guailleadh ri cheile ’S cumaibh uaibh am fear odhar.” Fios do shloinnidh b’ aill leinn uait O’n tharladh dhuit tighinn ’nar car. (1) Lionan. There are doubts as to the word here meant. Some versions would lead one to think that the mantle of skins which the smith wore in some parts had become stained and rusty. [TD 72] ’S gu’n innseamaid a rìs beachd-sgeula De tha thu air a shon. “Una ni Mhulcain b’i mo mhathair Aona-bhean a b’ fhearr (torach) cloinne ’S a Righ! gur niarachd bean a dh’ àraich Mi fhìn ’s mo dha bhrathair eile ’Se Lunn Mac Liobhunn m’ ainm baistidh ’S mi gaisgeach ’s fhearr an taobh-sa ’S cuiridh mi sibhse fo gheasan O’n is luchd tha freasdal arm sibh Sibh g’am leantuinn buidhean shocrach Siar gu dorus mo cheardaich.” “Cion an t-aite ’m bheil do cheardach No ’n fheaird sinne ri faicinn?” “Bi sibhse nise ’ga faotainn, ’S ma dh’ fhaotas mise cha-n fhaigh sibh.” Thug Lunn as mar ghaoth tuath earraich Mach bhar beannda dubh an t-sleibh ’S cha ghearradh e ach aona-cheum Thar gach h-aona ghleann ruadh fasaich Dol seachad siar air an tulaich Chas am buidheann air a cheile Bu bhuidheann dhiu sin an gobhainn ’S bu bhuidheann eile dhiu Daorghlas. ’S bha Fionn a nuair sin air roinne ’S beagan do dh’ uaislean na Féinne. “Fosgail gu luath,” ors’ an gobhainn. “’S na druid romhain,” arsa Daorghlas. “Na fag mise so am ònrachd An aite teann ’s mi m’ aonar.” “Oganaich is àilleadh snuadh ’S earbsach mi a luath’s do chas ’S éiribh a sios gu luath ’S leigibh a falbh-bhalach a steach. ’S shaoil leam nach robh riamh aig Fionn Na nochdadh a ghnùis do ’m thigh Gum meal thusa t-ainm a Chaoilte ’S cha bhi Daorghlas ort o nuair so.” [TD 73-74] VI.—CONAN. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 75] THE CATTLE OF THE FIANS. [Beurla] “Eigheach caol cruaidh Chaoilte luaith Aig taobh tuath Loighneachan.” [TD 76] [Beurla] “Eisgeadal is Toisgeadal, ’S càrn a’ Choin is Bràigh Bhran, ’S Uisgeseadar ’s Suileseadar ’S a’ Bheinn Mhoràig ceann an loch, ’S Acha-choirc as Màlagan.” [TD 77] END OF THE FÉINNE. [Beurla] “Teagasg dìleas Dhiarmaid Rinn iomairt ealamh Oscair.” [Beurla] [TD 78] [Beurla] [TD 79] OSSIAN’S MOTHER A DEER. (1) [Beurla] “Ma’s tu mo mhàthair-sa gur fiadh thu Their mi horunn o hò E ho haori rithi-bhag Hò rò haoi; horunn o hò. Ma’s tu mo mhàthair-sa gur fiadh thu, Their mi horunn o hò. Bi’ t-eagal roimh ghniomh nan con, Ma theid thu na beannaibh àrda Bi’ t-eagal roimh chlann na cearda Clann na ceairde ’s an cuid chon. Gu’n caisgeadh Brian dhiom a strannan Mu’n cluinn mo leannan mo ghuth.” [Beurla] [TD 80] [Beurla] [TD 81] [Beurla] “Ho rì hùg o Thug mi’ cion, de fàth? O haoriri horuinn ho rò hùg ò Tomhais sibh-se co dha? Do Mhac Raibeart an ceard Cha ’n e ’n ceard a ni ’n spàin No dh’ fhiaclaicheas càrd; Ach ceard a dheanadh nan arm, Leis an cinneadh an t-sealg Coileach dubh is boc-earb, Nuair dhìreadh tu ’n stùc, Le d’ ghunna ’s le d’ chù, Chaogadh tu ’n t-sùil, Is lùbadh tu ’n glùn, Mac an fhéidh bhiodh gun sunnd Call fal’ air an drùchd, Thug mi ’n cion, c’uim an ceil mi? Do shealgair na h-eilid, An dobhrain duinn ’s an ròin mheillich.” [TD 82-84] OSSIAN AFTER THE FIANS. [Beurla] [TD 85] [Beurla] “Ge beag orts’ chubhal (2) chrònanach ’S monran na gréine [Beurla] (2) The word cuileag is now the form of the word chubhal, to denote a fly, as eibhleag is used instead of eabhal, a burning peat, which survives in the saying: “A burning peat on the cheek— Women fulling and tailors.” “Eabhal air gruaidh— Mnathan luadh ’s taillearan.” A red spot on the cheek produced by inability to supply sufficient food to the workers. This is illustrated in the question asked by Fionn (see Stewart’s Collection, p. 545): “What is hotter than fire?” “De ’s teotha na ’n teine?” “The face of a good man when people come And he has not meat for them.” “Gnuis duine mhaith gus an tigeadh aoidhean Gun bhiadh aige dhoibh.” [TD 86] Gun chead do’n Righ mhoralach Cha deid feicidh dh’ fhile do sgéithe.” [Beurla] “Comrach an da Abstal dheug Gabham thugam fein an nochd ’S mo rinn mi peacadh trom Gu’n càrar e ’n tom na’n slochd.” [Beurla] [TD 87-90] [Beurla] [TD 91] THE RED CATARACT. [Beurla] [TD 92-95] [Beurla] [TD 96] EAS RUADH. Latha dar dhuinn air bheag sloigh Aig Eas Roidh an eiginn mhall (1) Chunnaic sinn seòladh air lear, Curach mòr agus bean ann. Gu’n sheas sinn uile air an t-sliabh Fionn nam Fian agus Goll Ag amharc a churaich b’ àille gniomh, Bean da raimh a ’sgoltadh thonn. Cha d’ rinn i tàmh ann ’na teachd, Ghabh i cala sa phort ghnà Air teachd air tìr aig an Eas Do dh’ éirich as maca mna. B’ ionnan dealra dhi ’s do ’n ghréín Bu chaoin a méin ’s a dealbh A nighinn thainig an cein Do bha sinn fhein roimpe soirbh. Thainig i gu pubull Fhinn ’S bheannaich i gu binn doibh, Fhreagair Mac Cumhaill i rìs Gu cubhaidh dhi ’s gu foil. Dh’ fhiosraich an righ bu ghlan fios “Air d’ fhàillte nighean ghlan ùr, Ach gu ’n innse tu gu beachd Co fhreumh as an d’ thàine tu. “Brigh do thuruis as gach ròd A nighean òg is aille dealbh, An turus mu’n d’ thainig tu ’n céin Nach d’ thoir thu dhuinn féin a dhearbh.” “Is nighean mi do Righ fo thuinn Dh’ ìnnsinn duibh gu cruinn mo dhàil Cha-n ’eil tir m’ an iadh a’ ghrian Nach d’ iarr mi fein do laoich fhial.” [TD 97] “A rìbhinn a shiubhail gach ròd A nighean òg is àille dealbh An turus mu’n d’ thainig tu ’n céin Nach d’ thoir thu dhomh fein gu dearbh.” “Mo chomrach ort, ma’s tu Fionn, Athair Fhinn a mhaca mna Brìgh mo thuruis is mo bhuaidh, Gabh mo chomrach gu luath trà.” “Gabham mu d’ chuimrich a bhean, Roimh aon fhear tha air do thì: Na’n ìnnseadh tu gu beachd, Co e am fear th’ air do thì.” “Tha e ’gam bheò-ruith air muir, Laoch is mòr guin air mo lorg. Mac Righ na Sorcha nan sgiath dearg Triath g’an ainm iad am Baoire Borb. “Geasa do chur mi ’na cheann, Gu’m beireadh Fionn mi thar sàil, Ge mòr ghniòmh agus àgh.” Labhair Oscar le glòir mhir Laoch sin a choisgeadh gach rìgh, “Ged nach biodh Fionn aig an Eas, Cha rachadh tu leis mar mhnaoi.” Do chunnaic sinn a’ teachd air steud, Laoch bha mheud thar gach fear; Siubhal na fairge gu dian, An iul chiadna ghabh a’ bhean. A chlogada teannda mu cheann An fhir nach bu tiom, ’s bu treun, Sgiath dhrimneach nach teid air ais O uilinn, gu cneas a chléibh. Bha claidheamh trom toirteil ’na làimh, An laimh an laoich nach bu tiom ’s bu treun, [TD 98] ’S e cluich nan cleas os a chionn ’S e tighinn an drimlinn a ’chuain. Neul flath agus rosg righ An ceann an fhir bu chaomh cruth. Bu mhath a shnuadh ’s bu gheal a dheud, Bu luaithe steud na gach sruth. Thainig an steud sin air tir ’S am fear nach bu mhìn ris an Fhéinn Caogad laoch a bhitheamaid ann, G’a choinneachadh (ri innseadh gur nàr). “De ’n t-suinn?” nuair thainig air tìr Dh’ fharraid an righ bu mhath cliù, “An aithnich thu fein, a bhean, An e sud am fear a deir thu?” “Aithneam, a Mhic Cumhail, ’Fhinn, Gur puthar leam e do d’ Fhéinn ’S gu’n geall e mise thoirt leis Ge mor bhur neart anns an Fhéinn.” Dh’ éirich Oscar is dh’ éirich Goll Bu bhorb an casgairt lom sa chath, ’S sheas iad an gar an t-slòigh Eadar am fear mòr ’s a’ bhean. Cha d’ fhiach e lann no sgiath Do laoch no triath g’an robh ann ’S gu’n d’ rinn e tair air an Fhéinn Gus an d’ ràinig e fein Fionn. Thainig an laoch bu mhath tlachd Le fraoch ’s le neart ’na cheann ’S gu’n do sguab e leis a’ bhean ’S i air guaillibh fhearaibh Fhinn. Thug Mac-Morn an urchair gheur, As dha laimh gu cruaidh ’na deigh: ’S ged nach do bhean an urchair da chreubh Do a sgiath gu’n d’ rinn e da bhloigh. [TD 99] Thilg an t-Oscar le làn fheirg A chraosnach dhearg a laimh chlì, Agus mharbhadh leis steud an fhir, Bu mhor an t-euchd a chinnich leinn. Nuair thuit an steud air an Leirg, Is thionndaidh e le fearg is fraoch ’S bhagair e ge cruaidh an càs Comhrag air caogad laoch. Nach bhuam-sa ’s bho m’ athair fhein. Chaidh caogad laoch nach tiom ’na dhàil, Ge mòr an spionnadh ’s an treis, Gu’n gheall e ’n casgairt le laimh. (’S dh’ fhàgadh e sinne fo shreing ’S bheireadh e bhean leis.) Bheireadh da bhuille gu mear Gu dian do gach fear dhiu sin Do bhitheamaid uile fo ùir Mar biodh thu ag comhrag fir. Chuir sinn naoi naoinear gu luath San iorghuill chruaidh mu’n do sguir ’S ceangal guineach na trì chaol Air gach laoch dhiu sin do chuir. A chlanna Morna, cruaidh an càs Na fhuair bàs bu mhòr an sgeul ’S cha robh aon a thainig as Gun a chneas fuidh iomadh ceuchd. [Fad bliadhna ’gan leigheas aig Fionn.] Do dhruid Goll an aigne mhir A bhualadh an fhir sa chaol ròd, Ge be chiteadh iad an sin Bu gharbh an goil ’s an gleò, Bha claidheamhna ac’ air an sòc A leadairt chorp agus sgiath ’S an tìneal còmhraig a bh’ aig an di ’s Cha-n fhaca sinne roimhe riamh. [TD 100] Mur bhi ’an caogad laoch garbh Bha ’n dail nan arm dha an tòs Bhitheamaid gun chobhair fuidh sprochd Na’m faigheadh uainn a cheart chòir. Thorchuir Mac Morna le a làimh Mac righ na Sorcha, sgeula mòr ’S mairg treubh a’n d’ thainig a’ bhean O’n mhilleadh am fear o’n chuan. An deigh tuiteam an fhir mhòr An goin do ’n chuan, cruidh an ceum Do bha nighean Righ Tìr-fo-thuinn Bliadhna aig Fionn san Fhéinn. Thiodhlaic sinn ag cois an eas An curaidh bu mhor treis is gnìomh Chuir sinn air a h-uile mear Fàinn òir mar onoir do Righ. [Beurla] [TD 101] [Beurla] [TD 102] OIDHCHE DHOIRBH (STORMY NIGHT). [Beurla] [TD 103] Is ann amuigh tha ’n torman trom, Le uisge trom o bhàrr nan crann ’S cha chluinn mi farum nan tonn (1) Le cidhe trom a chìmhin chrann. (2) Tha croinn na coille air chrith ’S am beithe fàs ’na charra dubh, Sneachda sìor-mharbhadh nan eun, (3) ’S ionnan ’s an sgéul tha muigh. Tha aghaidh na sìona ris an ear, Sneachda geal is dìle dhubh, ’Se dh’ fhag an fhaiche co fuar, An cathadh cruaidh is an cur. Eìrich thusa Oisiain, Choimhead a ’chruidh ghuaill fhinn, cheann-fhionn ’S tha gaoth fhuar an aiteimh Toirt slatan coill a cnocan. [Beurla] [TD 104] [Beurla] “Mo dheagh nighean bha mi uair A ghlacainn eilid air luathas a ceum ’S bheirinn bior foghnain mach San oidhche dhorcha dhall Ged tha mi nochd Ann am dhiblidh sean laoch ’S nach d’ thoir mi mi-fhein as an tobair No ’n aitreabh.” * * * * * * Rainig sinn an Grianan Corr Bh’ air a thutha le cloimhteach eun Bha ursainnean ris do ’n òr, [TD 105] ’S còmhlan do’n Iondrain. (1) “Co dha dh’ iarrar a mhnaoi?” “Iarrar i do dh’ Oissiain Mac Fhinn.” “Ged bhi ’agam da nighean dheug Gheibheadh e raoghain diu Air son a ro-chliù Anns an Fhéinn.” [Beurla] OSSIANIC BALLADS. [Beurla] [TD 106] CRONAN NA FEINNE. “Is lionar cutral, ’s lionar sgiath, Is lionar lùireach is lann gharbh, Is lionar Tòiseach ’s mac rìgh ò ’S cha robh aon diu sin gun airm O thà, o thà, o thà.” MANUS. [Beurla] [TD 107-108] [Beurla] [TD 109] [Beurla] “A chléirich a chanas na sailm Is deimhin leam nach maith do chiall C’uim nach eisd thu tamull sgeul Air an Fheinn nach cual’ thu riamh?” “Air a chumha-sa, mhic Fhinn, ’S air an Fhéinn ge mor do gheall, Guth nan salm air feadh mo bheoil Gur h-e sin is ceòl domh fhéin.” “Am bheil thusa coimeas do shalm, Ri Fionn-ghabhail nan arm nochd? A chléirich cha tamailteach leam, Ged sgarainn do cheann o d’ chorp.” “Gabham mu d’ chomraich fhir mhòir Cainnt do bheoil is binn leam fhéin ’S an sgeul chualas air Fionn ’S ait leam bhi tigh’nn air an Fhéinn.” [TD 110] Latha dhuinn aig fiadhach na leirg, Cha do thàrl’ an t-sealg ’nar car, Chunnacas na iomada bàrc Seòladh gu h-àrd, àrd o’n ear. “No co an t-aon a gheibhinn fhéin A rachadh a ghabhail sgeul de ’n t-slògh (Labhair Mac-Cumhaill gu grad), “Gheibheadh e blogh, agus duais.” Thainig an Conan a nìos. “A righ, co ’s aill leat a chur ann? Ach Fearghus fior-ghlic do mhac, O’n ’s e chleachd bhi dol ’nan ceann.” “Mollachd dhuit-sa, Chonain mhaoil,” Arsa Fearghus, bu chaoine cruth; “Theid mise ghabhail an sgeul Do ’n Fheinn ’s cha-n ann air do ghuths’.” Dh’ imich Fearghus dòrn gheal òg Do’n ròd an coinneamh nam fear, ’S dh’ fhiosraich e dhiu, le gùth fòil, “C’ iad na slòigh thainig o ’n ear?” “Manus a th’ òirnn mar thriath Macan mi-aghach na sgiath deirg ’S gu’n d’ thugadh e bhean o Fhionn Agus Bran far tuinn, ge b’ oil leis.” “Asad fein ge mor do bhosd ’S air do shlòigh ge mor do bheachd A mhiad ’s a thainig bho ’n lear Cha toir iad a bhean o Fhionn. “Chumadh Fionn còmhrag treun Riut fhéin mu ’m faigheadh tu bhean, ’S chumadh an Fhéinn comhrag cruaidh, Ri d’ shluagh mu ’m faigheadh tu Bran [TD 111] Thainig Fearghus mo mhac fhein, Mac-samhuil do ’n ghrein a chrùth, Dh’ innse sgeul dhuinn air an t-slògh, A righ, b’ oscara mòr a ghuth. Thug sinn an oidhche sin gu lò Cha bu cheòl dhuinn bhi ’nar tosd Fion, is folachd, feoil is ceir Sin an rud bu cheol duinn fhéin. Thog iad mach Maol-nan-Dòrn Bratach Raonuill òig ’ic Morlum, Thog iad amach a Gheur-Iomlan Bratach Dhiarmaid òig o Duibhne. Thug sinn amach a Sguab Ghàbhaidh, Bratach Oscair òig mo bhrathair, Ca’ na sheas air talamh, no air fonn, Bratach gam bu chòir a còmhrag? Thog sinn a’ Ghil-ghréine ri crann Bratach Fhinn bu mhòr a goil, Lomlan de chlachan an òir ’S deimhin gum bu mhòr a meas. Bha naoi slabhruidhean innte sios, De ’n òr fhior a dh’ ionnsuidh an làir, ’S naoi caogad curaidh fuidh gach slabhruidh, ’Ga iomain an uchd a mhòr laoich. Gu’n leagadh Manus an àigh Am fianuis chaich air an raon Is dhàsan, ge nach b’ onoir righ, Chuireadh ceangal nan tri chàol. Thainig an Conan a nìos, Mac Mòrlum bha riamh ri olc, “Leig mi gu Manus nan lann, ’S gu’n sgarainn a cheann o chorp.” [TD 112] “Mollachd dhuitse, Chonain mhaoil, Càirdeas no gaol cha’ n’ eil agam duit, O’n thàrladh dhomh bhi fo ghrasan Fhinn Is ionmhuinn leam na bhi fo d’ bhreth-se.” “O’n thàrladh dhuit a bhi fo ’m ghràs, Cha dean mise tàir air flath, Leigidh mi thusa ma réir A lamh threun gu cuir a chath. Gheibh thu do roghainn a nis, Cead dol dachaigh gu d’ thìr fein, Càirdeas is comunn is gràdh Air neo do làn thoirt o’ n Fhéinn.” “Cho fad ’s a bhios mise beò No bhios an deò so ann am chorp Aon bhuille t’ aghaidh, Fhinn, ’S aithreach leam na rinn mi ort.” “Cha-n ann orm-sa rinn thu e, ’S ann dhuit fhéin a rinn thu lot, Na thug thu shluagh as do thìr Cha till iad rìs a sin.” [Beurla] “Na’m bi’ tusa chléirich chàich Againn air an tràigh mu dheas Ann eas amhuinn nan sruth seimh Air an Fhéinn bu mhòr do mheas.” [Beurla] [TD 113] [Beurla] “Tri miosan cù Coig caogad càt ’S ionnan bean ’s bò ’S bliadhna mhor na làr.” [Beurla] ALVIN (AILBHINN). [Beurla] [TD 114-115] [Beurla] [TD 116] [Beurla] Latha do Phàdruig ’n a mhùr Gun sailm air ùigh ach ag òl (?) Chaidh e thigh Oisiain ’ic Fhinn O ’n ’s ann leis bu bhinn a ghlòir. “An e ar beatha, sheanair shuairc, Thugad air chuairt thainig sinn, A laoich mhìleanta ’s fhearr dreach, Nach d’ thug eurabh a neach mu ni. “Fios a b’ fhearr leam fhaighinn uait Mhic Cumhail nan cruaidh cheum colg, An t-aite is teinne ’n robh an Fhiann, O ’n bhà-tar riamh air an lorg.” [TD 117] “’S mise dh ’fheudadh sin duit innse Phàdruig nan salm binn An t-aite ’s teinne ’n robh na fìr O ’n latha ghinte Fianntaidh Fhinn. Dearmad fleagh gu ’n d’ rinn Fionn Air Ailbhinn an tùs nan laoch, ’S air cuid de ’n Fheinn bu ghlan déirg ’S gu ’n d’ éirich am fearg ’s am fraoch. Ailbhinn mac an Fhianntaidh fhuair, Leis an deargta gu luath roinn, Mar sud is Caoilte glan ùr Dh’ eitich bliadhna roi mhùr Fhinn. Thugadar (gum b’ ogluidh ’n triall), Na luingeis bha cian roi ’r linn, O àiridh-Lugha nam Fiann Gu righ Lochlainn nan sgiath sliom. B’ e fasda la ’s bliadhn’ aig an righ Rinn an dithis bu chaoine dreach, Ghabh bean Righ Lochlainn nan sgiath donn Trom cheist mhòr ’s cha robh e beag, Ghabh bean Righ Lochlainn nan sgiath donn Trom cheist mhòr ’s cha robh e beag, Air Ailbhinn ghreadhnach nan arm geur ’S rinneadh le ceilg roi chleith. Ghluais a ’bhean a leab’ an Righ (’Se sud an gniomh mu ’n doirteadh fuil) Gu àiridh-Lugha nam Fiann, Thugadar an triall thar muir. Chruinnich Righ Lochlainn a shluagh, Cabhlach cruaidh gu ’n d’ thug e leis ’Se sin a bh’ aig’ air an uair Naoi righrean ’s an sluagh leis. Seachd cathanna, deas agus tuath, De ’n sluagh a b’ fhearr gam facas riamh, [TD 118] Ceithir cathan sinne ’nan dàil De Fhianntaidh àillidh bu ghlan gnìomh. Ach Lochlainneach, a ’bhuidhean bhorb, Aig feabhas an colg chum gniomh Cha ghabhadh iad ni fuidh ’n ghréin ’S an Fhéinn uile bhi ’gan dìth. Chiad teachdaireachd thàinig o ’n rìgh (’S sgeul tiom’ sud chuir dhinn gu luath), Na bha againn de Fhianntaidh Fhinn Bhi ri ’r linn ga thoirt uainn. Fhreasdal Ailbhinn an còmhrag cruaidh O ’n ’s ann da nach bu dual a bhi air for, Ceann, Ailbhinn, agus Mhic Leirr Bhuidhneadh air an darna beum. Deich ceannarda fichead d’ ar slòigh ’S ceann Ailbhinn fein air tùs Bha sud air làimh Iorghuill mhòir, Mu ’n deachaidh na slòigh an dlùths. Dh’ fhiosraich Fionn flath ’ga shluagh, Na bha ’n uair sin dhiu ann, Co bhuineadh ri Iorghuill san treis Mu ’m buineadear leis ar tàir. “Bu mhath fhreagradh sud air Goll, Sonn a tha air ar cùl!” “Leagar eadar mi ’s Iorghuill san treis ’S leagar eadar sinn an cleas dlù.” “Mac Luthaich is Oscar an sonn Is Diarmad donn is Mac-a-Léigh Thoir sid air gach taobh do d’ sgéith G’ ad dhideineadh o bheum an laoch.” (“Cui ribh Oscar ’s Diarmad donn Fearchar crom ’s Mac-a-Ghéill G’a dhìon o bhuillean an laoich Fear dhiù air gach taobh mu sgéith.”) [TD 119] Ge b’ fhada thug iad greis Cha d’ rinn iad a leth ’san là, Thuit ceann Iorghuill mhòr nan long, ’S bhuidhinn Goll air a naoidheamh trà. Buidheachas do anam mo rìgh Gu ’n robh an dìthis sin ri tigh ’nn as Fear is darna leth nam Fiann Thuiteam air an t-sliabh mu dheas. Mur robh fear a chaidh o fheum No chaidh air a’ Ghréig a null, Cha deachaidh fear gu’ thìr féin De na thug Righ Lochlainn a nall.” [Beurla] [TD 120-124] CONN, SON OF THE RED. [Beurla] [TD 125] [Beurla] CONN MAC AN DEIRG. Sgeulachd air Chonn Mac an Deirg Air a lionadh le trom fheirg, Dol a dhioladh éiric athar gun fheall, Air mhaithibh ’s air mhòr uaisle Air chriochaidh mòra na h-Eirinn. Sgeulachd air Chonn fear fearail An sonn calma caoin ceanail. “Co dhiu bu mhotha ’n Conn no ’n Dearg?” Ars Oisian nam briathran binne beòil! [TD 126] “No ’m b’ ionnan dealbh dha is dreach, ’S do ’n Dearg mhòr, mhear, mheamnach Dha fhein ’s do ’n Deargan mheamnach?” Bu mhotha ’n Conn gu mòr mòr Tighinn an caramh ar slòigh, Tarruing a luingeis a steach A crioslaichibh cuain agus caolais, An cuan agus ann an caolas. Shuidh e air an tulaich ’gar còir Am fiui curanta ro-mhor Mar fhaiceadh sibh coire chruim Mar thraghadh mara ri treun thuinn No mar fhuaim tuinne ri teth tuinn Aig ro-mhiad falachd an tuinn Aig ro-mhiad feirg an fhir mhoir ’S e an tòir air éiric athar a dhiòladh Dh’ eiricheadh e ann am frilleinibh na nial Os air cionn anns an ath-mhiad Siar ann am bailcibh na h-iarmailt. ’S dh’ iomaradh e air cleasan coireach, Ann an aodann nam fìreiltean Shuidh e air tulachan corr, Am fiùi curanta, ro-mòr, ’S chuir e chlaidheamh air sgàth laoich, ’S gun eagal aimhreit air. A mhac samhuilt cha ’n fhacas riamh Air ghaisge ’s air meud a ghniòmh ’S gur ioma laoch bha gun sgios Toirt da geill agus mòr chìs. Sin ’nuair thainig Fearghus mìrlum aluinn Air chòmhairle, athar mar a b’ àill leam, Ghabhail sgeul do ’n fhear mhòr, “De fath do choiseachd do dh’ Eirinn? A Chuinn mhoir, bhuaghaich, bhrais, Shùgach, ait, àibhinn. [TD 127] Dh’ fhiosrachadh thainig mi dhiot Ciod e fath do thuruis do ’n tìr?” “C’ uim nach innsinn sin duit-sa, Fhearghuis, Agus buin leat e Eiric m’ athar a b’ àill leam, Bhuaitse ’s bho uaislean uile fir Eirinn, Ceann Ghuill ’s a dha mhic mhòir Ceann Chonain ’s dha mhic muill Ceann Fhinn flath an t-slòigh Fhinn agus Fhaisdeil, ’S cinn chlanna Morna gu h-uile, Na na bheil beo an Eirinn Na Eirinn, o thuinn gu tuinn, Ann an éiric aon duine. A gheilleachduinn do ’m aon chuinn, No comhrag coig ciad, Air maduinn am màireach. Coig fichead fear mòr Chuir an comhrag ri m’ fhear diubhalach Amach am màireach ’S gu ’n sgarainn an ceann o ’n coluinn Dh’ Fhinn, agus Chonan, agus Chormaic.” “Leigibh mis’ thuige,” arsa Coirìbhin, “’S gum buininn, an ceann deth.” “Na labhair thusa, Choirìbhin,” arsa Fionn, “’S na tig air còmhra co clì sin; Cha chiosnaichear e gun fhoill, Da thrian ’s na bheil an Eirinn.” “Leigear mise g’ a ionnsaidh,” arsa Conan, “’S gam buininn fhin an ceann deth.” “Marbhasg ort, uisd thusa a Chonain mhaoil,” arsa Fionn, “’S nach sguir thu d’ lonan gu brath.” Ach sin ’nuair chaidh Conan Lag, dona, meata, mi-cheillidh, An an-toil do uile righ na Féinne [TD 128] Mar char tuaitheal g’ a aimh-leasadh; ’S ’nuair chunnaic an laoch bu dealbhaich, Conan dol an glaic armachd, Rug e air a druill, ’S e teicheadh gu h-albhaidh. Bu lionar sin a gheibht’ ann, Plùc agus garbh-mheall, Glaodh agus iolach àrd an ceann Chonain; ’S na bu lugha e Na fuaim tuinne ri tràigh ’S feachd na Feinn’ Uile ’ga eisdeachd. Chaidh air Conan maol gu deimhin Na Coig chaoil fuidh ’n aon cheangal. Sin mar chaidh sia fichead fear mòr, De mhaithibh teaghlaich is slòigh; ’S thug e ruathar fir foruinn, Mar sheabhag roi ’ealt mhin ean. Cho luath ri garbh roth muilinn ’S ioma cruth a chaochail greann ’S cuirp ath-chuimte le cruas lann, ’S ioma ceann ’s leth chas ’S ioma claigionn thall ’s a bhos Coig ciad eile ged bhiodh ann, Gu ’n tuiteadh sid air aon bhall, ’S Conn a’ calcadh a sgiath ’G iarraidh comhraig ’s gum b’ an-iarr ’S gu ’n do leig an Fhéinn gàir chruaidh Ri diochaidh a’ mhòr shluaigh. Gus na thuit leis na deich fichead fear mòr De mhaithibh teaghlaich is sloigh; Dh’ innse dhuibhse eachdraidh, Nach do ghabh an Fheinn riamh, Leithid do dh’ eagal roi aon-fhear. Sin nuair labhair Fionn, “Ghuill-ic-Morna nam mòr ghnìomh C’ uim nach éireadh tusa, Ghuill, [TD 129] Fhir a chleachd ar cobhair riamh, A mhiann sùla gach baile ’S a laoich làidir na teug bhail ’S dàna leam Conn a bhagradh ort ’S air Clanna Morna gu h-uile ’S nach tugadh tu ’n ceann deth gu fearail, Mar rinn thu g’ a athar roimhe.” “Dheanainn-sa sin duitse Fhinn Fhir nam briathra blatha binn S gur h-ann leat fhein a thuit Clanna Mòrlum mùghta; Ach fuath agus falachd chuir air chùl ’S bitheamaid uile de dh’ aon rùn, Ged mhairbhte ’n Fheinn uile Gu dìochadh aon duine Bhithinn fhìn ’s mo thréin leat, A righ na Féinne, g’ ad chobhair.” Sin nuair chaidh Còig ciad againne ’na dhàil ’S a bha Goll rompa ann an gràs Mar sheabhag air ealt air a meud, Bu lionar sin a gheibht’ ann, Fear air leth-shùil ’s air a làimh; S urrad eile ged bhiodh ann, Gum faighteadh marbh mu thiomchioll-san iad. Sin ’nuair bha Goll, Dol a chur a’ chòmhraig Ghluais Goll ’na chulaidh chruaidh Ann am fianuis a’ mhòir shluaigh Anns an uair sin, Bu gheal ’s bu dearg gnùis an fhir Iorghuill, Dol an tùs na h-iorghuill Fhalt chleachdach iubhar gharbh-shléibheach, Gruaidh chorcur mar iubhar caoine, Fuidh fhasga na mala chama-chaoile, Sioladh ann an caolartaibh corrach, Cuimhneachadh na mòr fholachd; [TD 130] ’S chuir e sgiath bhucaideach, Bhacaideach, bharra-chumhann, Air a làimh chlì; ’S a shlacanta curanta, Cruaidh chlaidheamh, ’Na làimh dheis. Sin nuair thoisich an dà laoch, Bu dealbhaiche, Chuireadh an talamh Air bhalla-chrith; ’Sgoltadh nan sgeana sgiath ’Sgoltadh nan sgiathan sgleò, A’ dòrtadh na fala mòire, O laimh imeachdaich a cheile. Tri dithean gu ’n cuireadh iad dhiu, Dith teine da ’n armaibh ’S dith cailce da ’n sgiathaibh, ’S dith fal’ agus feòla Da ’n cneas agus da ’n cìth-cholainn. Gum b’ e sin doibh-san, Gus an thuit an tràigh ’S an do chrom na neòil, ’S an d’ thainig sìochairean na beinne, Ghabhail aighear agus ioghnaidh. Aon latha diag agus trà Gum bu tursach mic is mnài Gus na thuit le Goll nam beuman An sonn mòr air cheart éiginn. Gàir eibhinn gu ’n d’ rinn an Fhiann Nach d’ rinneadh leo roimhe riamh Ri faicinn Ghuill chrodha an uachdar Air Conn mòr mear uaibhreach [Beurla] [TD 131-145] THE MUILEARTACH. [Beurla] [TD 146] A’ MHUILEARTACH (A’ CHEUD EARANN.) BHA na Fiantan air son an rìoghachd a chumail bho na Lochlainnich (1). Bha Fionn ’na righ orra. Bha blàr eatorra’ fhéin agus Mànus aig Dùn-Chinn-a’-choire ann an Eirinn. Dar a chaidh Mànus dhachaidh, thuirt a mhuime, “A’ Mhuileartach”, gu’n rachadh i thoirt blàir do Fhionn agus gu’n tugadh i uaithe an Corn-Buadhach (2), soitheach creadha, air an robh e air ’fhàgail, gur ann le deoch òl as a bha an Fhéinn’ daonnan a’ faotainn buaidh. Thuirt Mànus gu’n cuireadh e daoine leatha, ach dhiult i. Cha tugadh i leatha ach an duine aice, Gobhainn nan Cuan, agus lùb-iarruinn, ris an abradh iad, an Trosdan beag, druimneach. Ghabh iad gu astar gu Dùn-Chinn-a’ choire. Chunnaic an Fhéinn’ rud mòr duaitheil a tighinn, agus thuirt Fionn, “Ma shiubhail e ’n domhan, agus ma chuairtich e ’n saoghal, is i muime Mhànuis a th’ann, is tha rud sònruichte a dhìth oirre.” Chaidh an Fhéinn’ a stigh do’n tigh; agus chuir naoi naoinear an druim ris an dorus, agus chuir iad naoi slàbhraidhean iarruinn an glacaibh a chéile. Spìon i craobh agus sgrios i dhi na meanglain, agus bha i aice ’na bata. Dh’fhuirich Gobhainn-nan-Cuan aig a’ bhàta. Chuir iad naoi druill air an dorus, is naoi troidhean an cloich ’s an aol, is chaidh naoi caogad (3) le an dromannaibh ris an dorus. Bha Fionn a’ sealltuinn a mach, agus thàinig ise, agus thuirt i an guth ìosal— Ise. Is mise cailleach thruagh, thruagh, ’Thàinig air a dian-ruaig; Shiubhail mi còig-chóigeamh (4) na h-Eirinn, ’S cha d’ fhuair mi tigh a leigeadh a stigh mi. Fionn. Ma shiubhail thusa sin gu h-uilidh (5) ’S comharra sin air droch dhuine; ’S ged uainicheadh do spuir fodhad, Uam-sa cha’n fhaigheadh tu fosgladh. [TD 147] Ise. ’S olc an cleachdadh sin do mhac rìgh, Do’m bu dual gaisg’ agus mòr-ghnìomh; Mac rìgh ’ga ràdhainn riut, ’S nach tugadh tu cuid oidhche do chaillich. Fionn. Ma ’se modh, no biatachd, no fialachd, ’Tha dhìth ort, a chailleach! Cuiridh mise thugad biadh cheud fear, ’S tog dhìom do sheanchas, a chailleach! Ise. Cha’n’eil mise ’m feum do bhìdh bhochd, ’S cha mhò a’s àill leam do mhòr sprochd; B’fheàrr leam a bhith am blath’s do theine mhòir, ’S a bhith an comith ri do chonaibh. Fionn. Nach fhadaidh thusa teine dhuit féin, Far an séid thu e le t’ anail? ’S cuir cual chonnaidh ri d’ gharbh-chneas, [Var.—Pronn geugan beaga ri do chruit] ’S dean gu crìonna ris do gharadh. Ise. An t-seisear laoch a ’s fheàrr ’san Fhéinn’ Faic thusa air an raon a mach iad; ’S ’nuair ruigeas an sneachd an crios doibh, Cha ’n urrainn iad teine fhadadh. [Var.—An naoi naoinear ’ga bheil a stigh Eadar an tugha ’s an fhraigh; Ruigeadh an sneachd dhoibh an crios, ’S cha rachadh leo teine fhadadh.] Thug a’ chailleach, ’bu chruaidh còmhrag, Breab a dh’ionnsaidh na còmhla; [TD 148] ’S mu’n d’thill i bun-dubh (6) a coise, Bhrist i na naoi slàbhraidhean iarruinn á glacaibh a chéile [agus thilg i na laoich air an druim-dìreach air an ùrlar]. Sheachainn Fionn an rathad oirre; is ghabh ise gu cisde nan seud, agus thug i leatha an Corn-Buadhach. Dh’éirich na daoine, Dh’éirich Caoilt’ (7) is dh’éirich càch; ’S dh’éirich fear-iomairt nan ràmh, (8) A dh’fhalbh an déigh na caillich. Cha b’ urrainn doibh breth oirre. Chaidh Oscar, am fear ’bu làidire do’n Fhéinn’ as a déigh. Rug e oirre air chois aig uchd Beinn-Eadainn. (1) Bha ’falt liath a’ slaodadh rithe, agus rug Oscar air. Thug e dùi’-leum, agus chuir e tri duail do fhalt cas, liath na caillich m’a dhorn. Mu’n tug e sreamadh aisde, chaidh iad fodha gu ’m meadhon an sneachda. “Ud! ud! a laochain!” ars’ ise, “ghortaich thu mi. Ma ’s e biadh no deoch a tha dhìth ort, gheibh thu e ’nuair a ruigeas mise an iùbhrach.” [Ruig Gobhainn-nan-Cuan ’s gheibh thu e. (9)] “Cha’n e sin a tha dhìth orm, ach t’fhalt liath a thoirt a dh’ionnsaidh mo sheanair.” “Ho! ho! an ann diubh sin thu?” Tharruing i nall a falt cas, liath, o ’gàirdean toisgeil, agus leag i a làmh gu h-eutrom air, agus chual e fhéin fuaim a h-uile cnàimh. “Ma tha spionnadh agad a dhol dachaidh, innis do Fhionn gu bheil an Corn-Buadhach agam-sa.” Thill e, agus chaidh ise do Lochlainn. Chuir Mànus roimhe blàr a thoirt do Fhionn. Chruinnich e a dhaoine, agus chaidh e gu Dùn-Chinn-a’-choire a thoirt blàir do Fhionn. Choinnich iad, agus thoisich iad air a chéile. Bha na Lochlainnich uile air am marbhadh, agus bha an Corn-Buadhach air ’fhaotainn air ’ais. Chaidh Mànus a cheangal, agus chaidh mionnan a chur air. ’S ann an sin a thuirt Conan— “A leigeil gu Mànus nan lann ’S gu’n sgaradh e ’cheann o ’chorp.” (1) Beinn-Eadair (The Hill of Howth, near Dublin). [TD 149] Thuirt Mànus an sin— “Buille bheag a’ t’ aghaidh, Fhinn, ’S aithreach leam na rinn mi ort.” [Sin dar a thug a’ Chailleach bu mhòr fearg Breab o dh’ionnsuidh na còmhla, ’S bhrist i na naoi ceanglaichean a sìos Mu’n deachaidh stad air a teann-ruith; ’S chaidh i stigh do mhùr Fhinn, ’S rug i air cuach Fhinn ’na croma-chròig. Leum i air eas ruadh nan ràmh, ’S cuach Fhinn ’na deas làimh. Leum Fionn gu cas, cas, An déigh chas na Caillich ’S rug e air a’ chuaich O’n ’s ann leis ’bha ’buaidh ’s a brigh. Rug Caoilte Mac Ròin Air a chlaidheamh mòr ’s a dhà shleagh; ’S rug an t-Oscar meamnach òg Air an léine shròil a bha mu cneas. Thug iad an t-ubhal o’n bhéist; ’S ma thug cha b’ ann gun streup; ’S mar deachaidh an ceann air coluinn eile, Cha d’fhuair a h-anam riamh tròcair, B’ àrd a h-ionad, ’s b’ ard a fàs, B’ àrd a cuid siùil ri h-aois, (10) Geamhlag iaruinn fo ’màs, ’S da fhiacail siar o ’craos; Leithid na ciaraig chaillich, Cha’n fhacas o linn Chuchullin]. (11) Chaidh e (Mànus) dhachaidh lom, falamh. Dh’fhoighneachd a mhuime air son a dhaoine, agus thuirt e gu’n robh iad air an call. “A righ!” ars’ ise “gu’n tug mi riamh sùgh mo thaoibh dhuit, is nach rachadh agad fhéin air Fionn a mharbhadh, ’s gun ann ach leth-dhuine. (12) Bithidh mise nis’ a’ falbh, agus uiread ’s a chaill thusa bheir mise as an Fhéinn’ an ceithir uairibh fichead.” [TD 150] “Togaidh mise,” arsa Mànus, “mo chuid loingeis, agus théid mi leat.” Cha chluinneadh i so, ach an Gobhainn a dhol leatha. Bha esan math gu naigheachdan innseadh, agus dh’innseadh e do Mhànus a h-uile ni dar a thigeadh iad air an ais. Cha robh an Gobhainn toileach falbh, ged nach d’rinn e ach cluintinn mu Fhionn; ach rug ise air, agus thilg i e anns a’ bhàta. Ghabh iad an turus-cuain. Thàinig soirbheas beag ciùin as an déigh o ìsle nam beann, is o àirde nan craobh, a bheireadh duilleach á beinn is seileach á craoibh, agus luachair bheag, òg, as a bun agus as a freumhach. Thòisich iad air tilgeadh na fàirge fiolcanaich, falcanaich, fualcanaich, air dubha a sean-chloich, ’s air piceadh a sonna chloich, a’ bhéisd ’bu mhò ’g itheadh na béisd ’bu lugha, ’s a bhéisd ’bu lugha a’ deanamh mar a dh’fhaodadh i. Càllaga beaga a’ chuain a’ gabhail fàil agus fasgaidh ann an sop a’ chroinn-mhòir aice. Ghearradh i ’n coinnlein caol, cruaidh, coirce, roimh a dubh-thoiseach, aig ro fheabhas a stiùramaiche. (13) ‘Seall suas,” ars’ ise, ri Gobhainn-nan-Cuan, “is feuch am faic thu am fearann.” ’Nuair a sheall esan thuige is uaithe, chunnaic e fearann is thuirt e, “Ma’s fearann e, is beag e, agus ma’s feannag e, ’s mòr e.” “Is fìor sin, a laochain,” ars’ ise, “cha’n’eil an iùbhrach aig astar ceart leinn.” Chuir iad a mach na ràimh bheaga, bhaisgeanta, dhruimneach; ’s cha robh sìneadh a bheireadh iad air an druim, nach tugadh iad uisge stigh air beul-mòr a bhàta. H-uile uilc no urbhaidhe ’gan d’fhuair iad, ràinig iad tìr; is tharruing iad an iùbhrach am bràighe a’ chladaich, far nach deanadh macan a’ bhaile-mhòir bùird no magadh oirre. Dh’òrduich ise do Ghobhainn-nan-Cuan dol air cnocan, air cùl gaoithe ’s air aodann gréine, far am faiceadh e a h-uile duine, ’s nach faiceadh duine idir e. (14) Rinn e sin, is chaidh ise air a h-aghaidh. Gu mi-fhortanach, bha na Fiantan ’nan codal air an cuid àrm, agus bha ceithir-ar-fhichead dhiubh air an uchd. Thòisich i air am marbhadh leis an lùb iarruinn. Mharbh i— “Ceithir-ar-fhichead de’n Fhéinn’, ’S Ailbhinn féin air thùs, [TD 151] Thuit air làimh na h-Iorghuil mhòir, Mu’n deachaidh na seòid ’nan dlùth’s.” An sin thòisich na Fiantan is a’ chailleach, ’s bha iad ’a sliocartaich, ’s a’ slacartaich, ’s a’ gabhail d’a chéile. Bha i ’gan ceapadh mar lasair shìos is shuas. Bha i àrd. An sin dh’iarr Oscar e bhith air a chur ’na h-aghaidh, e féin; ’s bha i ’ga throm-liabadh, ’s ’ga iomain an comhair a chùil; agus ghabh Fionn lag-mhisneach. Dh’iarr e orra spaidean a ghabhail is iad a ghearradh foidhpe ’s a cur air a h-ais, gus am faigheadh iad cothrom iomain no bualaidh oirre. Rinn iad toll, agus dh’iomain iad air a h-ais i gus an deachaidh i ann. Bha i fhathast ’gan ceapadh mar lasair, ach na h-uile h-uilc no h-urbhaidhe ’gan d’fhuair iad, mharbh iad a’ chailleach mu’n do stad iad. Thog iad an sin gaoir-chatha le toilinntinn; agus an sin ceithir-ar-fhichead do na Fiantan a bha an Coire-Ghlinne, ’nuair a chual iad e, bha fhios aca gu’n robh fargradh air teachd air an Fhéinn’. Ruith iad a null, is thuirt fear dhiubh ri ’chompanach:—“A rìgh fhéin! nach innseadh tu dhomh ciamar a bha i ’nuair a bha i air a casan?” “Cha’n’eil mise an urrainn sin innseadh ach do neach a bha ’ga faicinn.” [’S e so an t-àite ceart air son Duan na Muileartaich aithris.] Latha dhuinn air tulaich shoir, (17) ’Sealltainn Eirinn mu’n cuairt; Thàinig oirnn bharr muir sleamhain trom, Atharnach (15) trom, neò-ghlas. Dà fhiacail seachad siar air a craos, ’S ceithir aimhlean ’na màs: Ceithir-ar-fhichead de’n Fhéinn’, ’S Ailbhinn féin air thùs, ’Thuit air làimh na h-Iorghuil mhòir, Mu’n deachaidh na slòigh an dlùth’s. (16) Sin ’nuair a labhair Goll, An sonn nach robh riamh ’sa chùil: “Leigibh mi ’ga h-ionnsuidh greis, ’S gu feuchainn ri cleas lugh’s.” Bha a’ chailleach ’ga riabadh, ’s ’ga iomain an coinneamh a [TD 152] chùil. Agus ghabh Fionn lag-mhisneach an uair sin. Sin an uair a dh’òrduich e an talamh a ghearradh o ’bonn, ’s a leigeadh gu ionad a crios ’san làr. Bha i ’gar ceapadh shìos is shuas mar lasair; ’s na h-uile h-uilc no h-urbhaidhe ’gan d’fhuair sinn, sin dar a mharbh sinn a’ chailleach, ’s thug sinn an gaoir-chatha asainn. Dar a chual Gobhainn-nan-Cuan, a bha air cùl gaoithe ’s ri aodunn gréine gu’n do mharbhadh a’ Mhuileartach, ghabh e mach gu cuan. [Rann mu thurus-cuain.] Ràinig e Lochlainn leis fhéin: choinnich Mànus e, agus dh’fhoighneachd e dheth, c’àit’ an d’fhàg e a’ chailleach. “Mharbhadh i,” thuirt Gobhainn-nan-Cuan. “O bhéisd! cha do mharbhadh; ach dar a chunnaic thusa eaghnadh a bha i deanamh, theich thu.” “O! mharbhadh i.” “Cha do shluig an talamh-toll i, ’s cha do bhàthadh i air muir sleamhuin lom, ’s cha robh do shluagh air an domhan na mharbhadh mo Mhuileartach.” “Cha do mharbh i ach an Fhéinn’, An dream air nach do thàrladh buaidh; ’S aon riamh cha deach’ as Air an dream fhalt-bhuidhe chas.” Mar sin chrìochnaich a’ chailleach a turus. AN DARA EARANN. Latha do’n Fhéinn air tulaich shoir (17) Ag amharc Eirinn m’a timchioll, Chunncas a’ teachd bhàrr thonn, Arrachd éitidh, creadhall, trom. ’S gu’m b’e b’ainm do’n fhuath nach robh tiom, (18) A’ Mhuileartach mhaol, ruadh, mhuing-fhionn. Bha ’h-aodann dubh-ghlas air dhreach guail, Bha deud a carbaid claon-ruadh, Bha aon shùil ghlogach ’na ceann, ’S gu’m bu luaith’ i na rionnach madhair; Bha greann glas-dhubh air a ceann, Mar choille chrìonaich roimh chrith-reotha; [TD 153] Ri faicinn na Féinne bu mhòr goil, Shanntaich a’ bhéist a bhith ’nan innis, An toiseach mire agus àir, Rinneadh leatha gion gun chomain; Mharbh i le ’h-àbhachd ceud laoch, ’S a gàire ’na garbh chraos. * * * * * Caillidh tu dosan do chinn chrionaich Air son deagh mhac Oisein iarraidh. * * * * * Thairg iad dhi cumha, ’s i thilleadh an taobh a thàinig i. Cha ghabhadh i sid na bha sheudaibh buadhach an Eirinn gus am faigheadh i— Ceann Oscair, Oisein, is Fhinn, Ghoill, agus Choirill. * * * * * Rinn iad crò air son a’ chatha mhòir Mu’n atharraichte air faiche na sgleò, A’ cheathrar laoch a b’fheàrr ’san Fhéinn Gu’n còmhraigeadh i iad gu léir; ’S fhrithealadh i iad mu seach, Mar ghath rionna na lasrach. Thachair Mac-Cumhail an àigh Is a’ bhéist làimh ri làimh; Bha ’taobh-cholluinn ri guin bualaidh, ’S bha braon d’a fhuil air na fraochaibh. Thuit a’ Mhuileartach le Fionn; Ma thuit cha b’ann gun strìth; Deuchainn cha d’ fhuair e mar sin, O latha ceardaich Lon-’ic-Lìobhainn. Thog iad a’ chailleach air bharraibh an sleagh, ’S thug iad ’na mìreanaibh as a chéil’ i. Ruith an naigheachd ud mu thuath, Gu crìoch Lochlainn nam mòr-shluagh; ’S chaidh an Gobhainn leis a’ bhrìgh, Gu teach aobhair an Ard-Rìgh. “Rinneadh beud”, deir Gobhainn-nan-Cuan [TD 154] “Mharbhadh a’ Mhuileartach ruadh?” “Mur do shluig an talamh-toll i, No mur do bhàth muir leathan lom i, C’àit’ an robh do dhaoin’ air domhan, Na mharbhadh a’ Mhuileartach mhuing-fhionn?” “Thuit a’ Mhuileartach leis an Fhiann, A’ bhuidheann leis nach gabh-te fiamh. Cha tig fuath no atharrach as, Air an t-sluagh àluinn, fhalt-bhuidhe, chas.” “Bheiream-sa briathra a rìs, Ma mharbhadh a’ Mhuileartach mhìn, Nach fàg mi’n Eirinn àigh Tom, innis, no eilean, Nach tog mi ann an crannagaibh mo long, Eirinn coranta, cothromach; Mar deanadh i breabanaich air muir, ’Ga togail as a tonna-bhalla, Cròcain chroma ri tìr, ’Ga tarruing as a tàdhaibh.” “Is mòr an luchd loingeis, a Mhànuis, ’Thogadh còigeamh a dh’Eirinn, ’S cha’n’eil do loingeis air sàile, Na thogadh còigeamh a dh’Eirinn.” Ochd agus ochd fichead long Thogadar a dh’fheachd ’s bu trom, Thoirt a mach éirig a’ Mhuileartaich. (19) * * * * * Chaidh iad air tìr an cala Beinn-Eadainn. (1) Chaidh Fearghus mùirneach mac Mòirne air theachdaireachd ’gan ionnsuidh; thairg e dhoibh cumha gun fheall, ’s iad a thilleadh an taobh a thàinig iad. Thairg e dhoibh ochd ciad bratach, (20) Caoin-daithte, agus lùireach; (1) Beinn-Eadair. [TD 155] Ochd ciad conair mheangain; (21) Ochd ciad mion do ionndrainn; Ochd ciad gearr-fhaltach, gruaidh-dhearg; Ochd ciad làn clogaid d’en òr dhearg; Ged gheibheadh iad sin, cha tilleadh iad gus am faigheadh iad— Ceann Oscair, Oisein, ’s Fhinn, Ghoil, agus Choirill. * * * * * “Gearraidh sibh ’ur teann-leum thar muir, Ar neò fanaidh sibh ri’r n-aimhleas; An long a ’s mò a thug sibh thar muir, Le goinealadh, Ma tha a dh’fhuil ’n’ur collainnibh, Snàmhaidh i air ’ur dromannaibh.” Sin ’nuair a thug iad an latha mòr agus ro-mhòr— Latha catha Beinn-Eadainn, Far am bu lìonar ceann ’ga chromadh, Agus muineal ’ga mhaoladh. Cha deachaidh aon riamh as, Ach leth-chiad fear, ’Chaidh mar thriall srutha gu sàil’, ’S gaoir-chatha ’gan iomain. NOTES. [Beurla] [TD 156-158] [Beurla] [TD 159-160] THE LAY OF THE SMITHY. (DUAN NA CEARDACH.) [Beurla] [TD 161] [Beurla] Latha dhuinn air Luachair Leathan, Mar choigear chrodh-fhionn de bhuidhean Mi fhìn, is Oscar, is Daor-ghlas Lon Mac Liobhunn ’s bha Mac Cumhail. Chunncas a ’tighinn o ’n mhonadh, Fear fada du ’s e air aona chois Le a mhuntal ciar, dhu craicinn Aparan de ’n eididh chiadn’ air. Labhair Fionn, ’s e ’na sheasamh, Ris an urra bha dol seachad “C’ àit a ghobha bheil do thuineadh No fhìr ad a chochaill chraicinn?” “Ma tha agaibh orm beachd sgeula Lon Mac Liobhunn b’ e m’ ainm baist’ e, Bha mi treis ri uallach gobhain Aig righ Lochlin anns a ’Gheilbhinn.” “C’ àit, a ghobha, bheil do cheardach? No ’n fhearrda sinn dhol g’ a faicinn?” “Ma, dh’ fheudas mise cha ’n fhearrd’ sibh, ’S ma ’s fhearrd sibhse faicibh. [TD 162] “Tha mise ’g ’ur cuir fo gheasaibh O’ n a ’s sibh luchd leasgairt mo cheardach, Bhi ’n gleannan du ciar du, dochard Nochd siar o dhorsaibh mo cheardach.” Thòisich iad an sin ri siubhal Gus an deach iad ’nan còig buidheann, Bu bhuidheann dhiubh sin an Gobhain, Bu bhuidheann eile dhiu Daor-ghlas, ’S bu bhuidheann eile dhiu Dearg Mac Druidhean Bha Fionn ’nan deigh ’s e ’na aonar. ’S cha ghearra an gobha ach aona cheum Air gach gleannan ciar dhu fàsaich, ’S cha ’n fhaiceadh iad ach air eiginn Sgòd dheth eididh air a mhàsun. “Fosgail, fosgail,” ars’ an gobhain, “Bruid romhad e,” ars’ Daor-ghlas. “Cha ’n fhàgainn thu ’n dorus mo cheardach ’N aite gabhaidh ’s tu ’nad aonar.” Fhuair iad an sin builg ri sheideadh, ’S gu ’n d’ fhuair iad ann eiginn ceardach Ceithir lamhan air gach gobhain Uird a ’lughadh is teanchaire ’S na h-uird shìth bha ’ga freagairt ’S beachd fearr a fhreagradh Daor-ghlas. Daor-ghlas fear glanadh na ceardach, O b’ abhaist da bhi ’na sheasamh ’S bu deirg e na gual an daraich A shnuadh o thoradh na h-oibreach. Sin labhair fear dheth na goibhnean Gu grìmeach ’s gu gruamach “Co as thainig Caoilte gun tioma Mhill oirn an t-innean cruadhach.” [Beurla] [TD 163] [Beurla] Is muladach mi ’n deigh Chaoilte, Nach mairionn luchd mo chon-traonaidh, Lion mulad mi, cràdh, is goirteas, ’N àm sgarachduinn dhomh ri m’ cho-dhalta Caoilt mo cho-dhalta ceart Leis an iomarainn buaidh is brat. [Beurla] [TD 164] Caoilte mo léir chuir-chatha, ’S am furtach do ’n Fhéinn sa latha Cha b’ e bu cheannard oirnn uile Ach Ard Righ na tròcaireach. An cuala sibhse turus Fhinn, Mach a slios a ’bhaile mhoir bha ’n Eirinn An Cairbreach mòr Lonach, labhrach Ghlacadh leis Eirinn Fuidh ’n aon smachd Chuir iad fios òirnne Gu Teamhraidh O Iomradach gu cath Chabhruinn. Rinn iad gniomh bu duilleadh na sin A bhi ’n tì air ar tighearnas. Fhreagair sinn an cuireadh dòbhaidh Gach linn uile mar a bha sinn. Cha robh ann do ’n Fhéinn uile Na dh’ fhàgadh iadsan co buidheach. Coig ceud deug agus deagh mharcaiche Bha sinn air an rathad gle-gheal cleachdach. Fhuair sinn onoir is miadh. [Beurla] [TD 165] BRUGH FARALA. [Beurla] [TD 166] [Beurla] “Chunnacas ceo talmhaidh daite, Brugh Farala ’na lasair àrd.” [Beurla] [TD 167] [Beurla] [TD 168] [Beurla] Latha sin dh’ fhalbh Fionn le Fhianntaibh, Gu sraithibh gorm Innse Gall, (1) Leig iad na coin ris na leacainn, Feadh nan gleann a b’ fhaigse dhoibh. Chinn comhairle air bheagan céill [TD 169] Aig bannal nan camag dlù, Cheangail iad le deilge gasda Falt an laoich ann an ghlac nan crann. Dhùisg an laoch as a chadal Le aisling nach math ’na deigh. * * * * * Dh’ imich Gara Mòr mac Molum Chaidh e ’n chòille gun cheum deas ’S fhuair e gach ni mar a chualas Craobh chrion air a ghualainn leis ’S chur e sid ri taobh an tallai. Latha dha ri sgolta bhòrdan Rinn e teine nach bu dual Chuir e sin ri taobh an tallai ’S gus a dhruim gu ’n ghahh a ’chual. Dh’ iarr bean Fhinn tighinn amach, ’S Caogad bean air son na h-uile miar. Ciad bean a bh’ ann ri òradh, ’S ciad rìbhinn gu cordadh leinn ’S ciad bean ’nam muime fo mhacan, Gheibht’ ann am brugh fada leinn. Var. (see Notes). Chunnaic iad ceò talmhaidh daite: Tigh Farala ’na lasair àrd, ’S leum gach fear thar bharr chrann sleagha ’S dh’ fhàg iad Mac-an-Reithinn sa chaol. ’S mu ’n d’ thainig MacCumhail oirnn Bha ’n teògais air dol gu cùl. Chuir Fionn a dhruim ris an talla ’S chaoineadh leis Garai air thùs. Chuir Fionn an sin a mhiar fo dheud fios ’S ghabh e mu ’n fhios a fhuair. “Leanabh gu luath fear air folach ’S beiribh air Garai ’san uaimh.” “Thig amach,” arsa MacCumhail, “Dheagh mhic Mòlum nan cleas truagh [TD 170] ’S dàl do t’ anam na dean iarraidh O ’n tharladh ’nar Fianntan thu.” “N’ am faighinns’,” ars’ esan, “m’ achanaich àraid As eugmhais m’ anam bhi bhuam.” “Gheibh thu t’ achanaich àraid As t’ ionnuis t’ anam thoirt saor.” “Se m’ achanaich fhein bhuin ri m’ anam Mac-a-Luinne thoirt do Oscar: (2) ’Se sin m’ achanaich fhéin A chur mo bhràghad an giorrad Air taobh sleisde gile Fhinn.” Chuir iad seachd seicheannan glasa ’s seachd ceapan caoil, agus seachd troidhean de thalamh réisg air muin sliasaid Fhinn; chuirte ceann Gharai air a sin, ’s fhuair Oscar Mac-a-Luin— Bu liubha na drùchd air feòinean Ceann cuisle gearrt’ an glùn Fhinn. Chaidh crioch air Fionn, agus thainig dith air an Fhéinn uile. [Beurla] “Na ’n robh mise an Innse Gall ’S math fhreagairinn ann, Far an d’ ugain rud bhuam, ’S am faigheadh rud.” [Beurla] [TD 171] [Beurla] Ciad nionag a bh’ ann ri òradh, ’S ciad nionag bu ghrinne meur, Ciad Li-bhean ri còrdadh leinn, ’S ciad bean ’nam muime fo mhacan, Ciad cuilean, ann le cholair airgid. * * * * * Gheibhte sid an tigh nan ceudan, ’S lionar fear ’na eidibh ann. [TD 172] THE DAY OF THE BATTLE OF THE SHEAVES, IN THE TRUE HOLLOW OF TIREE. [Beurla] [TD 173] [Beurla] LATHA CATH NAN SGUAB ANN AM FIOR-LAGAN THIRIDHE. Bha an Fhéinn a ’deanadh bàrr ann an Cill-Moluac, b’ e sin fior lagan Thireadh, agus is e coirce bha aca. Latha chaidh iad a dheanadh na buain, agus dh’ fhàg iad an cuid arm ann an ciste nan arm an Dùn a ’Chaolais. Dar bha iad aig a ’bhuain, chunnaic iad na Lochlannaich tighinn air tìr ann am Bìsta. Cha robh sleaghan no airm eil’ aca. Chuir iad air falbh Caoilte agus Cùl Guith Mac Rath, ’ic Ronain a dh’ iarraidh nan arm. Thoisich ian fhein ’s na Lochlannaich air a chéile, ’s bha sguab coirce dol gu crios ann an cneas Lochlannaich an latha sin. Thuirt Fionn ri fear bha làmh ris: “Seall am faic thu aon duine tighinn leis na h-airm?” “Chi mi aon duine.” “De choltas?” “Tha mar gum biodh coille lomain air a ghuallain.” “Am bheil thu faicinn duin’ eile?” “Cha-n’ eil mi faicinn gin ach e.” An ceann tacain thuirt Fionn a rìs: “De choltas an dràsd’ a ’tighinn?” “Tha e mar gum biodh trì chinn air.” “Tha mo leanabh aig làn astar, sin agad a chasan dol co ard ri mullach a chinn, a ’tighinn. Am faic thu tuille?” “Chì, fear eile.” “Am bheil astar fodha?” “Tha gu leòir.” Thainig Caoilte ’s rug gach fear air arm, ’s thòisich iad fhein ’s na Lochlainnich air a cheile ’s chuir iad ruaig air na Lochlainnich gu cladach. [TD 174] NOTES. [Beurla] [TD 175] FIN MAC COUL IN THE KINGDOM OF THE BIG MEN. [Beurla] “Tigh farsuing fial A chòmhla cha do dhruideadh riamh.” [Beurla] [TD 176] “Dh’ amhairc air Bran buadhach ’S ìoghnadh air e bhith ’ga bhualadh; An làmh leis an do bhuail mi Bran ’S truagh o’n ghualainn nach do sgar.” [Beurla] [TD 177-183] [Beurla] [TD 184] [Beurla] MAR A CHAIDH FIONN DO RIGHEACHD NAM FEAR MORA. Bha Fionn ’s a chuid dhaoine ann an cala Beinn Eudainn (1) air cnoc, air chùl gaoith’ ’s air eudain gréine, far am faiceadh iad a h-uile fear ’s nach fhaiceadh duin’ idir iad, ’nuair a chunnaic iad dùradan a’ tighin o’n àird’-an-iar. Shaoil leò an toiseach gur h-e dùbhradh frois a bh’ann; ach an uair a thàinig i ni ’bu dlùithe, chunnaic iad gur h-e bàta ’bh’ann. Cha do leag i seòl gus an d’thàinig i staigh do’n chala. Bha triùir dhaoine innt’, fear ri iùl ’na toiseach, fear ri stiùir ’na deireadh, is fear ri beairt ’na buillsgein. Thàinig iad air tìr, is tharraing [Beurla] [TD 185] ad a suas i, a seachd fad fhéin, ann am feur tioram, glas, far nach deanadh sgoilearan a’ bhaile mhòir bùrd mhagaidh no fhochaid dhi. Chaidh iad an sin a suas gu lianaig bhòidhich, agus thog an ceud fhear làn a dhùirn de bhulbhagan no morghan chlach, agus thuirt e riu, iad a bhith ’nan taigh briagha, nach robh an Éirinn ni ’b’fheàrr; agus bha so deanta. Thog an dara fear leacag sgliat, agus thuirt e i a bhith ’na sgliat air mullach an taighe, nach robh an Éirinn ni ’b’fheàrr; agus bha so deanta. Rug an treas fear air bad shliseag, agus thuirt e iad a bhith ’nan giubhas ’s ’nam fiodh ’san taigh nach robh an Éirinn ni b’fheàrr; agus bha so deanta. Chuir so mòr ìoghnadh air Fionn; agus chaidh e sìos far an robh na daoine, agus dh’fhoighneachd e iad, agus fhreagair iad e. Dh’fhoighneachd e cia as a bha iad, no ceana ’bha iad a’ dol. “Is trì gaisgich sinn, a chuir rìgh nam Fear Mòra a dh’iarraidh còmhraig air an Fhéinn.” Dh’fharraid e’n sin ’d e ’n t-aobhar a bha air son so a dheanamh, no ciod am fàth no ’n sùgh a bha aig an teachd. Thuirt iad nach robh fios aca; ach gu’n cual’ iad gu’n robh iad ’nan daoine làidir, ’s gu’n d’thàinig iad a dh’iarraidh còmhraig laoch orra. “A bheil Fionn aig an taigh?” “Cha ’n’ eil.” [Is mòr bàigh duine r’a anam.] Chuir Fionn an so iad fo chroisean agus fo gheasan, nach gluaiseadh iad as an àit an robh iad gus am faiceadh iad e-san a rìs. Dh’fhalbh e agus rinn e deas a churachan; agus thug e a dheireadh do thìr agus a thoiseach do mhuir; agus thog e na siùil bhreaca, bhaidealach, an aghaidh nan crann fada, fulangach, fiùi, a’ gabhail nan sugh an glaic na gaoithe ’na cuireagan, le soirbheas beag, lag, laghach, o mhullach nam beann, ’s o àirde na h-eirthire, ’s o bhuinne nan ruadh-charraigean, a bheireadh seileach á beinn, ’s duilleach á craoibh, ’s fraoch òg as a bhun ’s as a fhreumhaichean. Dheanadh Fionn iùl ’na toiseach, stiùir ’na deireadh, ’s beairt ’na buillsgein; agus stad cinn no coise cha d’rinn e gus an d’ràinig e rìgheachd nam Fear Mòra. Chaidh e air tìr, ’s tharraing e suas a churachan ann am feur glas. Ghabh e suas, is thachair an taisdealach mòr ud air. Dh’fharraid Fionn cò e. “Is mise,” [TD 186] ars’ e-san, “an Cladhaire Ruadh aig rìgh nam Fear Mòra; agus,” ars’ e-san ri Fionn, “is tusa a tha ’dhìth orm. Is maith do mhiadh agus do mhodh orm; is tu òigh a ’s feàrr a chunnaic mi riamh; ni thu fhéin troich do’n rìgh, agus ni do chù (b’e so Bran) measan. Is fhada o’n tha troich is measan a dhìth air an rìgh.” Thug e leis Fionn; ach thàinig Fear Mòr eile, agus bha e dol g’a thoirt bhuaithe. Leum an dithis air a chéile; ach dar a bha iad air falluinnean a chéile shracadh, dh’fhàg iad aig Fionn breth a thoirt. Ròghnaich e an ciad fhear. Thog e-san leis Fionn thun palace an rìgh, agus chruinnich a mhaithean agus a mhòr-uaislean a dh’fhaicin an duine bhig. Thog an rìgh e air a bhois; agus chaidh e tri uairean mu’n bhaile, agus Fionn air an darna bois agus Bran air a’ bhois eile. Rinn e àite-cadail dhà aig ceann a leapach fhéinn. Bha Fionn a’ feitheamh, agus a’ faire, agus a’ faicin nan uile nithe a bha dol air aghaidh mu’n taigh. Mhothaich e gu’n robh an rìgh, co luath ’s a bha an oidhche tighin, ag éirigh agus a’ falbh a mach; agus cha tigeadh e tuilleadh gu madainn. Chuir so mòr ìoghnadh air; agus, mu dheireadh, dh’fheòraich e de ’n rìgh c’ar son a bha e falbh a h-uile oidhche, agus a’ fàgail na ban-righinn leatha féin. “C’ar son,” ars’ an rìgh, “a ta thu feòraich?” “Tha,” arsa Fionn, “air son riarachaidh dhomh fhéin, oir tha e cur mòrain iongantais orm.” A nis, bha tlachd mòr aig an rìgh do Fhionn; cha d’fhuair e ni riamh a bha toirt tuilleadh toileachaidh dha na e; agus, mu dheireadh, dh’innis e. “Tha,” ars’ e-san, “Athach mòr ag iarraidh mo nighin r’a pòsadh, agus leth mo rìgheachd uile bhith aige fhéin; agus cha ’n ’eil duine eile ’san rìgheachd a’s urrainn a choinneachadh ach mi féin; agus is éigin dol gach oidhche a chumail còmhraig ris.” “Nach ’eil,” arsa Fionn, “aon fhear a chumas còmhrag ris ach thu fhéin?” “Cha ’n ’eil,” ars’ an rìgh, “na chumas cogadh aon oidhche tris.” “Is mairg,” arsa Fionn, “a thugrìgheachd nam Fear Mòra orra. A bheil e ni’s mò na thu féin?” “Is coma leatsa,” ars’ an rìgh. “Cha choma,” arsa Fionn; “gabh thusa fois agus codal a nochd, agus théid mise g’a choinneachadh.” “’N e thusa?” thuirt an rìgh, “cha chumadh tu aon bhloigh buille ris.” [TD 187] ’Nuair a thàinig an oidhche ’s a ghabh a h-uile duine mu thàmh, bha’n rìgh air son falbh mar a b’àbhaist; ach thug Fionn air, mu dheireadh, e féin a leigeadh ann. “Còmhraigidh mise e,” ars’ e-san, “air neo tha cleas aige.” “Is mòr leam,” ars’ an rìgh, “do leigeadh ann, ’s gur leòir leam féin e.” “Coidil thusa gu suaimhneach a nochd,” arsa Fionn, “is leig mise ann; ma thig e cas, greasaidh mi dhachaidh.” Dh’fhalbh Fionn, is ràinig e ’n t-àit ’san robh a’ chòmhrag ri bhith. Cha robh e faicin duine roimhe, is thòisich e air spaisdeireachd air ais is air aghaidh. Mu dheireadh, chunnaic e a’ mhuir a’ tighin ’na h-àthanna teine ’s ’na nathair bheumnaich, gus an d’ràinig i shìos fodha. Thàinig Athach mòr a nìos, is sheall e thuige ’s bhuaithe. “D e,” ars’ e-san, “an dùradan a chi mi ’n sid?” “Tha mise,” arsa Fionn. “’D e a tha thu deanamh an so?” “Is teachdaire mise o rìgh nam Fear Mòra; tha mòran mulaid agus cruais air; tha a’ bhan rìghinn an déigh bàs fhaotain, agus thàinig mise dh’fheòraich dhìot am bi thu co math a’s dol dachaidh a nochd gun luasgan a chur air an rìgheachd.” “Ni mi sin,” thuirt e-san, agus dh’fhalbh e, is gnòdhan òrain aige ’na bheul. Dh’fhalbh Fionn dachaidh dar a thàinig an t-àm, agus chaidh e a laighe ’na leabaidh fhéin aig casan leab’ an rìgh. Dar a dhùisg an rìgh, ghlaodh e ann an iomguin mhòir, “Tha mo rìgheachd air a call ’s mo throich ’s mo mheasan air am marbhadh!” “Cha ’n ’eil,” arsa Fionn; “tha mi’n so fathast, agus fhuair thusa do chadal, rud a tha thu ag ràdh a b’annasach leat fhaotain.” “Ciamar,” ars’ an rìgh, “a chaidh thusa as, is thu co beag, ged is leòir e dhòmh-sa, is mi co mòr?” “Ged tha thusa,” arsa Fionn, “mòr làidir, tha mise deas, apaidh.” An ath-oidhche, bha’n rìgh air son falbh; ach thuirt Fionn ris e ghabhail a chadail a nochd fhathast; “Seasaidh mi fhìn a’d’ àit, air neo thig laoch a’s feàrr na sud.” “Marbhaidh e thu,” thuirt an rìgh. “Gabhaidh mi cuid mo thuiteamais,” thuirt Fionn. Dh’fhalbh e; is mar a thachair an oidhche roimhe, cha’n fhac’ e duine, is thòisich e air spaisdeireachd air ais ’s air aghaidh. Chunnaic e’n fhairge tighin ’na h-athanna teine ’s [TD 188] ’na nathair bheumnaich; agus thàinig am fear mòr ud a nìos. “A bheil thus’ an so a nochd a ris?” ars’ e-san. “Tha mi, agus is e sud mo thurus: ’nuair a bha a’ bhan-righinn ’ga cur anns a’ chiste-mhairbh, agus a chual’ an rìgh a’ chiste ’ga tarraingeachadh agus buille nan saor, bhrist a chridhe le cràdh agus le mulad; agus chuir a’ Pharlamaid mise a dh’iarraidh ort gu’n rachadh tu dhachaidh air an oidhche so, gus am faigheadh iad an rìgh a thìodhlacadh.” Dh’fhalbh an t-Athach air an oidhche so cuideachd, agus gnòdhan orain aige ’na bheul; is chaidh Fionn dachaidh dar a thàinig an t-àm. ’Sa’ mhadainn dhùisg an rìgh ann an iomguin mhòir, agus ghlaodh e mach, “Mo rìgheachd air a call, agus mo throich agus mo mheasan air am marbhadh!” Agus rinn e gàirdeachas gu leòir gu’n robh Fionn is Bran beò, ’s gu’n d’fhuair e fhéin fois an déigh a bhith co fada gun chadal. Chaidh Fionn an treas oidhche ann, agus thachair mar a thachair roimhe. Cha robh duine air thoiseach air; bhuail e air spaisdeireachd. Chunnaic e’n fhairge tighin gus an d’ ràinig i shìos fodha; thàinig an t-Athach mòr a nìos; chunnaic e’n dùradan beag ud, ’s dh’fheòraich e cò a bha’n sud, is ciod a bha ’dhìth air. “Thàinig mi g’ad chòmhrag-sa,” arsa Fionn. Thòisich Fionn is Bran air a’ chòmhrag; ach bha Fionn a’dol air ’ais an comhair a chùil, is bha ’m fear mòr ’ga leanailt. Ghlaodh Fionn ri Bran, “A bheil thu dol a leigeil leis mo mharbhadh?” Bha bròg nimhe air Bran; agus leum e agus bhuail e a’ bhròg nimhe air an Fhear Mhòr ann an carraig an uchd, agus thug e ’n cridhe agus an sgamhan as. Tharraing Fionn Mac-an-Luin agus gheàrr e dheth an ceann, agus chuir e air ròpa cainbe e, agus dh’fhalbh e leis gu palace an rìgh. Thug e staigh do’n chitsein e, agus chuir e cùl an doruis e. ’Sa’ mhadainn, cha b’ urrainn an t-searbhant car a chur deth, no an dorus fhosgladh. Chaidh an rìgh a sìos; chunnaic e’n tùchd mòr ud; rug e air mullach a chinn agus thog se e, agus dh’aithnich e gur h-e a bh’ann ceann an fhir, a bha a leithid a dh’ùine ’g iarraidh còmhraig air, agus ’ga chumail o chadal. “Ciamar idir,” ars’ e-san, “a thàinig an ceann so an so? Gu cinnteach, cha’n e mo throich a rinn e.” “C’ arson,” arsa Fionn, “nach b’ e?” [TD 189] An ath-oidhche, bha ’n rìgh ag iarraidh dol e féin do’n àit-chòmhraig, “A chionn,” thuirt e, “gu’n tig fear a’s mò na’m fear ud a nochd; agus bidh an rìgheachd air a sgrios, agus tu féin air do mharbhadh; ’s nach e sin an tlachd a tha mi gabhail ann thu bhith agam.” Ach dh’fhalbh Fionn, is thachair gach ni mar a thachair roimhe, gus an d’ thàinig am fear mòr ud a rìs ag iarraidh dìoghaltais air son a mhic, agus an rìgheachd a bhith aige, no còmhrag céile. Thòisich e fhéin is Fionn; is bha Fionn a’dol air ’ais. Labhair e ri Bran, “A bheil thu dol a leigeadh leis mise a mharbhadh?” Thug Bran gnùsd as, agus dh’fhalbh e is rinn e suidhe air an tràigh. Bha Fionn a’ sìor-dhol air ’ais, agus ghlaodh e a rìs ri Bran. Leum Bran is bhuail e a’ bhròg nimhe air an Fhear Mhòr, is thug e’n cridhe ’s an sgamhan as. Gheàrr Fionn an ceann dheth, agus thug e leis e, agus dh’fhàg e air bialthaobh an taighe e. Dhùisg an rìgh ann an eagal mòr agus ghlaodh e, “Mo rìgheachd air a call, agus mo throich agus mo mheasan air am marbhadh!” Thug Fionn togail air féin, agus thubhairt e nach robh; agus cha bu bheag gàirdeachas an rìgh ’nuair a chaidh e mach, agus a chunnaic e’n ceann a bha air bialthaobh an taighe. An ath-oidhche, thàinig cailleach mhòr gu tìr, agus dheanadh an fhiacail a bha ’n dorus a beòil cuigeal. Bhuail i beum-sgéithe: “Mharbh thu,” ars’ ise, “m’ fhear agus mo mhac.” “Mharbh mi,” thuirt Fionn. Thòisich iad air a chéile; agus bu mhiosa do Fhionn e fhéin a dhìon o’n fhiacail na o’ n làimh aig a’ chaillich. ’Nuair a bha i brath foghnachdainn dà, bhuail Bran i leis a’ bhròig nimhe, is mharbh e i mar a rinn e air càch. Thug Fionn leis an ceann, is dh’ fhàg e air bialthaobh an taighe e. Dhùisg an rìgh ann an iomguin mhòir agus ghlaodh e, “Tha mo rìgheachd air a call, agus mo throich agus mo mheasan air am marbhadh!” “Cha ’n ’eil,” thuirt Fionn, is e ’g a fhreagairt; agus an uair a chaidh iad a mach, agus a chunnaic iad an ceann, thuirt an rìgh, “Bidh a nis tuilleadh sìth agams’ agus aig mo rìgheachd. Tha an so màthair na cuain i fhéin air a marbhadh; ach innis dhomh cò thu. Bha e ’san tairgneachd agam-sa gur h-e Fionn MacCumhaill a bheireadh fuasgladh dhomh, ’s cha ’n ’eil e ach ochd bliadhna [TD 190] deug a dh’aois fhathast: Cò thusa, ma ta, no ciod e t’ ainm?” “Cha do sheas riamh,” arsa Fionn, “air seiche mairt no eich d’ an aicheadhainn m’ainm. Is mise Fionn MacCumhaill, mhic Luthaich, ’ic Thréin, ’ic Fhinn, ’ic Airt, ’ic àrd òg rìgh Eirinn; agus tha ’n t-àm a nis dhomh dol dachaidh. Is glé allabanach a thàinig mi do ’n rìgheachd agad-sa; agus is e sid an t-aobhar air son an d’thàinig mi, gu’m faighinn fios ’d e a’ choire a rinn mi ort, no ’d e ’n t-aobhar air son gu ’n do chuir thu trì gaisgich a dh’iarraidh còmhraig orm, agus a thoirt sgrios air mo chuid dhaoine.” “Cha d’ rinn thu riamh coire orm-sa,” thuirt an rìgh; “agus tha mi ’g iarraidh mìle maitheanas. Cha do chuir mise na gaisgich a d’ ionnsaidh. Cha ’n i an fhìrinn a dh’ innis iad. ’S ann a bha ’n sid triùir dhaoine, agus bha iad a’ leannanachd ri trì mnathan-sìth; agus thug iad sin doibh an léintean; agus dar a bhios na léintean umpa, tha còmhrag ceud an làimh gach fir dhiubh. Ach feumaidh iad na léintean a chur dhiubh a h-uile oidhche, agus an cur air cùl chaithrichean; agus na’m biodh na léintean air an toirt bhuatha, bhiodh iadsan an là-ar-n-mhàireach co lag ri daoine eile.” Fhuair Fionn gach urram, ’s gach ni a b’ urrainn an rìgh a thoirt dà; agus an uair a dh’fhalbh e, chaidh an rìgh agus a bhanrìghinn, agus an sluagh sìos gu cladach, a dh’fhàgai’ beannachd aige. Dh’fhalbh Fionn an so ’na churachan; agus bha e a’ seòladh a sìos ri taobh a’ chladaich, dar a chunnaic e òganach ’na ruith agus a’ glaodhaich ris. Thàinig Fionn a staigh dlùth do thìr leis a’ churachan, agus dh’ fhiosraich e ciod a bha ’dhìth air. “Is mise,” ars’ an t-òganach, “gille math ag iarraidh maighlistir.” “Ciod an obair a ni thu?” arsa Fionn. “Is mise,” ars’ e-san, “am Fiosaiche a’ s feàrr a th’ ann.” “Leum a staigh do ’n bhàta, ma ta.” Leum am Fiosaiche a staigh; agus ghabh iad air an aghaidh. Cha b’ fhad a chaidh iad dar a thàinig an t-ath-òganach ’na ruith. “Is mise,” ars’ e-san, “gille math ag iarraidh maighistir.” “’D e ’n obair a ni thu?” arsa Fionn. “Is mise meirleach cho math ’s a th’ ann.” “Leum a staigh do ’n bhàta, ma ta;” agus thug Fionn leis am fear so cuideachd. Chunnaic iad an so an treas òganach a’ ruith ’s a’ glaodhaich. Thàinig iad dlùth do [TD 191] thìr. “’D e ’n duine thusa?” thuirt Fionn. “Is mise,” ars’ e-san, “an streapadair a ’s feàrr a th’ ann; bheir mi suas ceud pùnd air mo mhuin ’san àit nach seas a’ chuileag ri latha ciùin sàmhraidh.” “Leum a staigh;” agus thàinig am fear so a staigh cuideachd. “Tha mo rogha ghillean agam a nis,” thuirt Fionn; “cha ’n fheud e bhith nach dean iad so feum.” Dh’fhalbh iad; agus stad cinn no coise cha d’ rinn iad gus an d’ràinig iad cala Beinn Eudainn. Dh’fhoighneachd e de ’n Fhiosaiche ’d e a bha’n triùir Fhear Mòra a’ deanamh. “Tha iad,” ars’ e-san, “an déigh an suipeireach, agus a’ deanamh deas air son a dhol a laighe.” Dh’fhoighneachd e ’n dara uair. “Tha iad,” ars’ e-san, “an déigh a dhol a laighe; agus tha’n léintean air an sgaoileadh air cùl chaithrichean.” An ceann treis, dh’fhoighneachd Fionn dheth a rìs, “’D e ris an robh na Fir Mhòra a nis?” “Tha iad,” ars’ am Fiosaiche, “’nan trom shuain.” “Bu mhath,” arsa Fionn, “am meirleach a nis a rachadh agus a ghoideadh na léintean.” “Dheanainn-sa sin,” thuirt am meirleach, “ach gu bheil na dorsan air an glasadh, agus cha ’n fhaigh mi a staigh.” Trobhad,” ars’ an streapadair, “air mo mhuin-sa, agus cuiridh mise a staigh thu.” Thog e suas air a mhuin e gu mullach an t-simileir, agus leig e nuas e; agus ghoid e na léintean. Chaidh Fionn far an robh an Fhéinn; agus anns a’ mhadainn thàinig iad thun an taighe anns an robh an triùir Fhear Mòra. Bhuail iad beum-sgéithe, agus dh’iarr iad orra tighin’ a mach gu còmhrag. Thàinig iad a mach. “Is iomadh là,” thuirt iadsan, “a bha sinne ni ’b’fheàrr gu còmhrag na ’tha sinn an diu;” agus dh’aidich iad do Fhionn a h-uile ni mar a bha. “Bha sibh,” arsa Fionn, “mi-mhodhail;” agus thug e orra mionnachadh gu’m biodh iad dìleas dà fhéin am feasda tuilleadh, agus deas anns gach càs a chuireadh e mu’n coinneimh. [Beurla] [TD 192-196] HOW FIONN FOUND HIS MISSING MEN. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 197-203] FIONN AND HIS MEN. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 204-206] HOW FIONN FOUND BRAN. [Beurla] [TD 207] [Beurla] MAR FHUAIR FIONN BRAN. Bha an t-sealg air a casgadh air an Fheinn. Air do Fhionn, san àm bhi latha mach gun duine leis ach e fhein, thachair fear air. Chuir Fionn ceisd air, gu de ceann a thuruis, no c’ [TD 208] àite an robh e dol. Fhreagair e gum b’ e gille math bha ag iarraidh maighstir ’s dh’ fharraid Fionn dheth gu de bha e math air. Thuirt e ris nach d’ rinn e lochd cadail riamh agus dh’ fhastaidh e e. Thachair an ath fhear air ’s chur e cheist air c’ aite an robh e dol na ’de ceann a thuruis. Thuirt e gum bu ghille math e ag iarraidh maighstir. Dh’ fharraid Fionn a so ’de bha e math air. Thuirt e ris dar dh’ éisdeadh e gu ’n cluinneadh e feur tighinn roi’ an talamh, ’s dh’ fhastaidh e ’m fear so mar an ceudna. Thachair an ath-fhear air ’s chur e cheist air ’de ceann a thuruis na c’ aite an robh e dol. Thuirt e mar thuirt an fheadhainn eile gum bu ghille math e ag iarraidh maighstir ’s dh’ fharraid Fionn gu de bha e math air. Dh’ innis e gu ’n robh e math air an rud a gheibheadh e chumail aige. “An greim a gheibh mi ann am laimh cha do leig mi riamh as e,” agus dh’ fhastaidh Fionn am fear so cuideachd. Thachair an ath-fhear air ’s chuir e cheist air gu de ceann a thuruis na c’ aite an robh a dol. Thuirt esan mar thuirt iadsan bha roi’ gum bu ghille math e ’s dh’ fharraid e ’de bha e math air ’s thuirt e gu ’n robh e math air goid ’s gu’n goideadh e ’n t-ubh bho ’n churra ’s da shuil ’ga fheathamh. Dh’ fhastaidh e ’m fear sin. Thachair sin fear eile air ’s anns a ’cheart doigh chuir Fionn ceisd air, fhreagair e mar rinn cach ’s bharrachd thuirt e ris gu ’n streapadh e balla ged bhiodh e air chomhdacha le craicionn feasgan. Dh’ fhastaidh e ’m fear sin. Thachair an ath-fhear air chuir e ceist air c’ aite an robh e dol na ’de ceann a thuruis; ’s gille math mi, ars esan, ag iarraidh maighstir, ’s mar thuirt an fheadhainn bha roi, agus n’ h-uile spitheag a chaitheadh e gu ’n deanamh e balla cloiche ’s aol dhi, ’s dh’ fhastaidh e ’m fear sin. Thachair an ath-fhear air ’s chuir Fionn a ’cheart cheisd air c’ aite an robh e dol na ’de ceann a thuruis. Thuirt e gum bu ghille math e bha ag iarraidh maighstir ’s dh’ fharraid e gu de bha e math air. Thuirt e gu ’n robh e math air saighead ’s nach mearachdaicheadh e leud na ròineig. Dh’ fhastaidh e am fear sin ’s bha nis a ghillean aige. Thug e fhein ’s iad fhein gu coiseachd ’s gu iomachd ’s ann an tighinn na h-oidhche thainig iad gu tigh an Righ. Dh’ fhairich Fionn gu’n robh an righ fo sprochd ’s chuir e ceist air, “Gu de fath sprochd?” Thuirt an Righ ris gum bu mhòr sud. Gu ’n robh a’ bhean aige ri [TD 209] saothair cloinne ’s gur e so an treasa aon chloinne ’s gu’n robh na leanaban ’gan goid mu ’m bitheadh iad ach tacain air an t-saoghal. Thuirt Fionn ris, “Ma fhuar thu an gleidheadh riamh gheibh thu an gleidheadh an nochd.” Mar thainig an leanabh, thuirt Fionn ris an fhear nach d’ rinn cadal riamh e shuidhe suas laimh ri mathair an leanaibh, agus sin ris an fhear chluinneadh am feur tighinn roi an talamh. “Suidh dluth dha,” “’s fhir a ni an greim mòr bi thusa lamh riu.” Chual’ iad an cruiteara ceol-mhòr tighinn ionnsuidh an tighe. Thoisich gach duine bha stigh air dol ’nan cadal. Fear nach d’ rinn lochd cadail riamh, thoisich e air an cumail ’nan dùsgadh. Chunnaic iad sin lamh tighinn stigh roi ’n tigh, deanamh air an leanabh. Dh’ éirich am fear a dheanadh an greim mòr ’s rug e air an Laimh. Thug i fear bha stigh mach gu leth ’s thug am fear bha stigh an ath-spìona, ’s thug e ’n Lamh bho ’n t-shlinnean as an fhear bha muigh ’s thuit e fhein ’s mu ’n d’ éirich e shìn am fear bha muigh a lamh a stigh ’s thug e leis an leanabh. Bha Fionn fo thrioblaid bho ’n thuirt e ris an righ gum faigheadh e ’n leanabh a ghleidheadh. Bha an righ fo iomaguin ’s fo iarguin chruaidh ’s cha b’ i ’bhan-righ a b’ fhearr, na ’bu lugha bha caoidh na cloinne. Sin thuirt Fionn, “Ni an t-athar nead ’nam cheann ’s an talamh lag ’nam bhonn, mur faigh mi dhuit do chuid cloinne.” Maireach chuir e mach bhirlinn bha seachd lathan ’s seachd bliadhna ’ga teàrradh ’s ’ga calcadh ’s dh’ fhalbh e fhein ’s a chuid ghillean innte ’s thug iad gu siubhal a ’chuain uaibhreach. Rainig iad duthaich fhad fhiadhaich, tharruing iad Bhirlinn suas an talamh glas ’s chaidh iad fhein ceumannan mach feadh na tìre. Cha d’ imich iad fad air a feadh dar chunnaic iad tigh ’s a bhalla air chomhdach le craicionn feasgan. “Fhir,” orsa Fionn, “a streapadh balla air chomhdachah le craicionn feasgan streap suas feuch ’de chi thu.” Chaidh e suas ’s dar thainig e nuas, thuirt e, “Tha ceatharnach mòr ’na shuidhe ann ’s gun air ach an leth lamh is leanabh aige air a bhois ’s da bhalachan ag iomain feadh an urlar lamh ris.” Thuirt Fionn, “Fhir ghoideadh an t-ubh bho ’n churra ’s dà shuil ’ga fheitheamh cuir do dha laimh mo ’amhaich ’s bheir e suas thu ’s faigh na leanaban.” Chaidh e suas ’s ghoid e ’n da [TD 210] bhalachan bha ag iomain agus ghoid e mu dheireadh am fear bh’ air a bhois. Chunnaic e sin nead agus tri chuileannan ann ’s thog e leis iad. Ghabh iad uile sin thun a chladaich. Chunnaic iad mathair nan cuileanan tighinn as an deigh. An sin thuirt Fionn, “Fhir dheanadh balladh cloiche ’s aoil do ’n h-uile spitheag chaitheadh tu, toisich air an caitheadh.” ’Na dheighinn so bha i teannamh orra ’s leig iad as dhi fear do na cuileanan, ’s cha b’ fhada gus am b’ éigin doibh an ath-fhear a leigeil as ’s nar fhuair i am fear sin thill i. Rainig iad sin a ’bhirlinn ’s charaich iad mach i, agus an triuir bhalachan ’s an cuilean aca. Cha robh iad ach gluasad bho ’n chladach mar mhothaich iad am fomhair ’na luathas ’s ’na theas a’ tighinn. Bha e cur na fairge mar theine sionnachain ’s mar nathair bheumnach as an deigh. Thuirt Fionn san uair ud, “Fhir tha maith air an t-saighead suidh dlùth dhomh.” Cha robh aig an Fhomhair ach aon suil ’an clàr ’n aoduinn. A ’chiad saighead a chaith am fear chuir e san t-suil i, ’s as dheigh sin bha e tighinn air aghaidh ’s cha do mhearachdaich esan saighead do na thilg e. Cha b’ fhada gus an d’ fhag iad marbh air uachdar an t-sruth e. Sin thainig Fionn sabhailt air ais gu tigh an Righ ’s triuir mhacan an Righ aige. “Nis,” orsa an Righ, “gu leth mo rioghachd tha t-iarrtus agad ri fhaotuinn.” “’S fhearr leamsa ors Fionn, gu ’n d’ uair mi do chuid cloinne na do rioghachd air fad, seach ’s gu ’n dubhairt mi gum bitheadh iad air an gleidheadh dhuit.” Sin phaigh Fionn an luchd-tuarasdail ’s leig e gu cead an coise iad, agus phill e air ais a dh’ ionnsuidh chuid dhaoine fhein, ach cha do dhealaich e ris a ’chuilean ’s a chionn ’s gu ’n d’ éirich gu math dha air a thuruis, thug e Bran Buadhach mar ainm air. [TD 211-218] FIONN AND BRAN. [Beurla] [TD 219] FIONN ’S BRAN. Bha Fionn mach mu choinneamh an taighe aon latha gabhail seallaidh ’s gun aige ach e fhein ’s Bran, dar chunnaic e curach a’ tighinn dh’ ionnsuidh tìr. Chaidh e sios gu braigh chladaich a dh’ amharc oirre ’s dar bhuail i sron air an traigh leum aisde triuir fheara mòra fear mu seach ’s chuir iad an dromannan rithe ’s thog iad suas i seachd ceumannan seachd aitheamh ’s seachd fada fhein ann am feur glas, ’s chuir iad na croinn ’s na siuil fo ’beul ’s chuir iad a beul foidhpe, far nach faigheadh fear thigeadh na dh’ fhalbhadh a carachadh na ’cur mach. Thainig na fìr mhòra an codhail Fhinn. “Seadh,” ors a chiad fhear, “de naigheachd a’ bhalaich bhuachaille aig am bheil am measan?” “Cha ’n ’eil naigheachd sam bith,” ors Fionn, “mur faigh mi i o na fìr mhòra thainig thar a’ chuain.” “’S e ’n naigheachd sin gu ’n d’ thainig sinn chumail cath ’s comhrag ri Fionn Mac Cumhail, ’s leum suas gu tapanta ’s thoir a nuas e.” Thuirt iad mar so fear an deigh fir dhiu gus am b’ fheudar dha mu dheireadh a radhainn gu ’n rachadh, “Ach tha mi ’g ’ur cur-sa fo chroisean ’s fo gheasan ’s fo naoi buaraichean na mna sith siubhlach, laogh maol carach na’s miosa na ’ainm, thoirt a’ chinn gun chosnadh dhibh gun sibh dh’ fhagail an aite sa bheil sibh a’ siubhal a’ chladaich gus an till mise rithist.” Dh’ fhalbh e, ’s chuir e mach curachan bha am braigh chladaich ’s thug e leis Bran. Bha e siubhal a’ chuain le sruth ’s le soirbheas gus an d’ rainig e Rioghachd nam Fear Mòra. Dar rainig e tìr tharruin e suas an curachan, seachd traidhean, seachd aith eamhnan, seachd ceumanan ann am feur glas, ’s chuir e na siuil, ’s na croinn ’s na taomain ’s na raimh fo ’beul, ’s chuir e air a beul fodha i far nach fhaigheadh am fear thigeadhan rathad a carachadh n’ a cur a mach, ’s ghabh e suas a ghabhail seallaidh air an duthaich. Cha deachaidh e ach beagan astair dar chunnaic e roi’ fear mòr a’ dol mu ’n cuairt air craoibh ’s ghabh e ceum far an robh e. Mhol Fionn an latha dha ’s mhol am fear mòr an latha dha-san. “De naigheachd an troich aig am bheil am measan?” ors esan ri Fionn. [TD 220] “Cha ’n ’eil bheag sam bith do naigheachd agamsa,” ors’ Fionn, “mur fhaigh mi aig an fhear mhòr tha dol mu ’n cuairt na craoibhe i.” “Se naigheachd ’s motha agamsa,” thuirt esan, “gur fhada bho ’n tha an Righ ag iarraidh troich ’s measan ’s gu bheil iad agamsa nis air son an toirt g’ a ionnsuidh.” “Tha e cur iongantais orm thu bhi cur seachad an latha dol timchioll na craoibhe sin,” ors Fionn. “’S ann air son cuallach connaidh tha i,” ors am fear mòr. Dhraigh e leis i, ’s Fionn ’s Bran ’s dh’ fhalbh iad comhla ’nan triuir. Cha deachaidh iad fad air an rathad a’ draghadh na craoibhe nar thachair fear mòr eile orra. Dar chunnaic e Fionn ’s Bran thuirt e, “’S fhada o ’n tha an Righ air son troich ’s measan fhaighinn, tha iad so agam nis ’s bheir mi fhein g’ a ionnsuidh iad.” “Se mo throich ’s mo mheasan-sa th’ ann,” thuirt am fear eile, “’s fagaidh mi fhein aig an Righ iad.” Thoisich iad ’nan dithis air tapaid ’s dar bha iad sgith, thuirt am fear thachair orra mu dheireadh, “Nach beag ciall tha ’san obair th’ againn, b’ fhearr dhuinn ceist a chur air an troich! Co fear ’s fhearr leis a leantuinn?” Rinn iad so ’s thuirt Fionn ma bha diu ’na roghainn ann gu ’n leanadh esan a chiad fhear thachair air, co aca ’sann gu ’olc na gu ’mhaith a bhitheadh e, ’s lean e e. Rinn iad nis aite ’s chuir iad teine briagh air doigh leis a’ chual chonnaidh ’s dheasaich iad biadh ’s ghabh iad an dinneir. Dar bha iad ullamh, thog am fear mòr Fionn air an darna bois ’s Bran air a’ bhois eile dh’ ionnsuidh an Righ. Thug e toileachadh mòr do ’n Righ, ’s chuir e ’san t-seomar aige fhein iad. Bha iad ri bhi aig an Righ gu ceann latha ’s bliadhna air son toilinntinn thoirt da. Bha an troich cadal faisg do ’n aite san robh an Righ, ’s bha e tighinn fainear dha gu ’n robh an Righ ag éiridh h-uile oidhche ’s a’ falbh, ’s gu ’n tilleadh e ’m beul an latha fuar fliuch, ’s chuir e ceisd air, de bu chiall dha bhi falbh mar sud. “De ni sin domhsa innseadh do d’ leithid-sa,” ors an Righ. “Coma sin,” orsa Fionn, “innis thus’ e.” “Cha ’n ann an nochd,” ors an Righ; “caidil thusa mar tha thu.” An ath oidhche thuirt Fionn ris, “Cha robh maighstir agam fhein riamh nach innseadh rud-éiginn da bheachd dhomh ach thu fhein, ’s mur innis thu [TD 221] ’de an t-aobhar air son a bheil thu falbh mar sin h-uile oidhche, cha ’n fhan mise so na ’s fhaide.” “De ’s fhearrd mise innseadh do chreutair co beag riutsa?” ors an Righ. “Faodaidh duine beag comhairle mhòr bhi aige,” orsa Fionn. “Cha ’n ’eil h-aon ’sam bith co glic ’s nach fheaird comhairle na còrach; agus innis dhomh nis gu de tha cur dragh ort?” “Tha mise nis os cionn seachd bliadhna deug gun chadal gun socair,” ors an Righ, “le béisd mhòr a tha tighinn air tìr h-uile oidhche a thoirt uam mo rioghachd.” “Gabh thusa gu tamh an nochd ’s theid mise ’na chodhail.” “Bi ’dh tu air do sgrios,” ors an Righ. “Feudaidh tusa cadal gun churam sam bith air son sin,” orsa Fionn. “’S mise tha feumach air a sin,” ors an Righ. Cha robh Fionn ’s Bran fad aig a’ chladach ’nuair chunnaic iad a’ bheisd mhòr a’ teachd, aon suil ghlogach ’an clar a h-aodainn, an fhairge, ’na teine sionnachan ’s ’na mòr bheumnach roimpe ’s na caoir gheala ’s ’na muir bheucach, thall ’s a bhos air a deigh, ’s le luathas a teachd ’s le meud a neart bhuail i ’ceann a fada fhein suas air an traigh. “Seadh,” ors ise. “De naigheachd an fhir bhig aig am bheil am measan?” “’S duilich dhomhsa gu bheil sin agamsa ri innseadh,” orsa Fionn; “tha ’n Righ marbh an nochd, ’s chuir a mhòr mhaithibh mise far an robh thu dh’ iarraidh ort fuireach air t-ais an aon oidhche so, gus am faigheadh iad fear eile a chumail comhrag riut ’na aite.” “Am feud mi do chreidsin, fhir bhig?” ors ise. “Cha ’n ’eil sannt bhriag orm,” orsa Fionn. Dar dhuisg an Righ, ghlaodh e le eagal mòr. “Tha mo rioghachd air toirt uam ’s mo throich ’s mo mheasan air chall orm.” “Tha do rioghachd agad fhathast ’s do throich ’s do mheasan so,” ors Fionn. Rinn an Righ mor thoileachadh dar chualaic e Fionn a’ bruidhinn. “Cha ’n ’eil fhios agam,” ors’ esan, “c’ uine fhuair mise leithid do thamh na do chadal.” An ath oidhche rinn an Righ deas air son falbh, ach thuirt Fionn ris gum b’ fhearr dha esan a leigeil ann an oidhche so fhathast. Dar rainig e fhein ’s Bran, cha robh e fada sin nar chunnaic e ’n fhairge tighinn ’na teine sionnachain ’s ’na mòr bheumadh, ’s a’ bheisd mhòr ’s aon suil ghlogach ’na ceann ’s an [TD 222] cuan ’na chaora geala air gach taobh ’s roimpe ’s ’na deighinn tighinn dh’ ionnsuidh a’ chladaich, ’s le luathas a siubhail ’s meudachd a neart thiormaich i i fhein anns an traigh. “De naigheachd an fhir bhig aig am bheil am measan an nochd,” ors’ ise. “Cha ’n ’eil,” orsa Fionn, “ach gu ’n do chuir mòr mhaithibh na rioghachd mise a dh’ iarraidh oirbh fuireach air ais an nochd fhathast, gu ’n do thuit a bh’ righinn marbh, dar bha iad cur an Righ ’sa chiste.” “Am feud mi an naigheachd sin chreidsinn?” ors’ ise. “Cha ’n ’eil sannt bhriag orm,” ors’ Fionn. “’S cinnteach gur e sin ’s duilghe dhuit,” ors’ ise. Thill Fionn dhachaidh ’s chaidh e laidhe aig casan an Righ; nar dhuisg an Righ ghlaodh e, “Tha mo throich ’s mo mheasan air chall, ach cha ’n e sin ’s miosa dhomh ach gu bheil an rioghachd air toirt ’uam.” “Tha mi creidsinn,” ors’ Fionn, “gur e sin ’s mo tha thu caoidh an rioghachd bhi’uat, ach tha an troich ’s am measan an so ’s do rioghachd agad fhathast.” Thug so faochadh mòr do ’n Righ. Dh’ fharraid e do dh’ Fhionn, ’de an coltas bh’ air a’ bheist an nochd. “Cha do chuir i eagal sam bith ormsa,” thuirt Fionn. Dar thainig an ath-oidhche, cha robh an Righ air son a leigeil air falbh, “’S mòr do mhath rinn thu dhomhsa leithid do shocair thoirt dhomh ’s theid mi fhein ’na còdhail an nochd.” “Cha ’n ’eil olc sam bith’ na beachd,” orsa Fionn, “’s feudaidh mise cead dol ann fhaighinn an nochd fhathast.” “Cha bhi i co olc riutsa co dhiu,” thuirt an Righ. Thug Fionn leis Bran ’s cha robh e fad ’sam bith an oidhche so dar chunnaic e i ’s an fhairge tighinn ’na teine sionachain air thoiseach oirre ’s ’na mòr bheumach ’s ’na caora geala thall ’s a bhos ’s ’na muir bheucach as a deighinn, ’s le luathas a siubhail ’s le meud a neart chuir i ’ceann a fad fhein air a’ chladach. “De sin naigheachd an fhir bhig aig am bheil am measan?” ors’ ise. “Tha,” orsa Fionn, “gur mi-cheutach do ’d leithid-sa do bheist mhòir bho oidhche gu oidhche bhi ’g éisdeachd bhriagan bho dhuine co beag riumsa.” [TD 223] “’Nann mar so tha?” ors’ ise, “bi thusa deanamh air do shon fhein,” ’s chuir i color searbh oirre ’s leum i an carabh Fhinn, ’s bha i brath a sharachadh. Sheall Fionn air Bran, ’s thuirt e, “A’ bheil thu brath mo chuideachadh an nochd idir, a Bhran?” Dh’ éirich Bran, ’s chaidh e mu ’n cuairt orra, ’s shuidh e far an robh e. Bha so an gleachd dol na bu mhiosa do dh’ Fhionn, ’s thug e ’n ath shuil air Bran. “Tha thu brath mo dhi-chuimhneachadh an nochd uile, Bhran.” Dh’ éirich Bran, ’s thug e ’n ath chuairt m’ an timchioll, ’s shuidh e far an robh e roimhe. Bha a’ chomrag nis dol an aghaidh Fhinn co mor ’s gu ’n robh e fas fann. Sheall e air Bran ’s thuirt e, “Bhran, cha ruig thusa leas éiridh tuille, tha mise ullamh, na rinn thu air mo shon, cha dean gu brath a rithist, cha ’n ’eil mo chobhair ann.” Thug Bran éiridh air fhein ’s ghabh e cuairt gus an robh e air cùl na beisde ’s ruisg e ’spuir nimhe ’s chuir e ’na druim i ’s am prìpa na sùla bha an cridhe s’ an gruadhan aisde mach. Thilg Fionn an ceann dith leis a chlaidheamh ’s bha e treis ’ga ghiulan ’s treis ’ga iomain roimhe gus an d’ rainig e ’n tigh. Chuir e air stob e mu choinneamh tigh an Righ ’s an t-suil mhòr ghlocach ris an uineag far an rohh an Righ, ’s ghabh e stigh gu sniomhach, samhach gu casan an Righ. Air mheadhon oidhche dhuisg an Righ le uamhas ’s ghlaodh e, “Mo rioghachd air toirt ’uam ’s mi air m’ fhagail gun troich gun mheasan.” “Cha ’n ’eil h-aon diu dhith ort,” ors’ Fionn, “’s mur creid thu sin thoir suil mach ’s chi thu air do shon fhein.” Rinn an Righ so, ’s dar chunnaic e suil ’s ceann na beisde mòire, thuit e air a ghlùn aig taobh na leabach aig Fionn, “’S fhad,” ors’ esan, “bho ’n tha e san tairgneachd, gur e Fionn Mac Cumhail a bheireadh clos dhomhsa ’s do m’ rioghachd. ’S tusa Fionn.” “Cha ’n ’eil toillteanas agad air mathanas bh’ uam,” ors’ Fionn, “chuir thu triuir fhear mhòra do m’ rioghachd a chumail comhrag rium gun aobhar.” “’S ann tha sin triuir fhear nach ’eil tighinn fo lagh sam bith ’s aig nach ’eil bunailt dhomhsa ’s aig am bheil mnathan sìth arinn léintean dhoibh, ’s dar bheirear dhiu iad bithidh iad mar dhaoine eile. Bheir mise dhuit-sa deoch cadail, ’s dar ruigeas tu [TD 224] an cladach far am bheil iad, tilgidh tu na soithichean anns am bi an deoch cadail far an amais iad orra, ’s dar bhios iad ’nan cadal bithidh cothrom agad air na léintean fhaotainn uapa.” Chuir Fionn mach an curachan, ’s thill e fhein ’s Bran, ’s dar bha iad gu bhi aig cladach thilg Fionn mach an stòp ’san robh an deoch cadail. Bha na fir mhòra siubhal a’ chladaich mar dh’ fhag e iad. Thachair an stòpan air fear dhiu; chuir e an ceann as ’s dh’òl e na bh’ ann, ’s thainig suain cadail air. Thilg Fionn mach an ath-fhear ’s an treasa fear, ’s bha iad ’nan triuir ’nan sìneadh taobh ri taobh. Chaidh Fionn suas ’s bhuain e dhiu na leintean, ’s thug e crathadh dùsgaidh orra. “Tha sibh so,” ars’ esan. “Tha,” ors’ iadsan. “’S tha sibh mar dhaoine eile, ’s comas ’s cothrom agamsa air ’ur beatha thoirt uaibh, ’s cha ’n fhaigh sibh fuasgladh gun tighinn fo chùmhnanta lagh.” Thuirt iad gu ’m bitheadh iad leagta ri cùmhnanta ’sam bith a dh’ iarradh e orra, ’s mhionnaich iad air a’ chlaidheamh fhuar gu ’n seasadh iad e ’n còir ’s an eucoir, ’s uair ’sam bith a bhitheadh e ann an éiginn na cruadal, e ’chuimhneachadh orra-san ’s gu ’m bitheadh iad aige, ach e ’thoirt dhoibh na léintean air an ais. ’S mar chaidh Fionn dhachaidh b’ i an ceathramh cuirm bu mhotha ’bh’ aca anns an Fheinn riamh. [TD 225-228] CEUDACH SON OF THE KING OF THE COLLA MEN. [Beurla] [TD 229] [Beurla] CEUDACH MAC RIGH NAN COLLACH. Bha ann aon h-uair roi’ so triuir mhac righrean b’ iad sin Diuc Uaine Mac Righ na Frainge, Diuc Gle-Gheal Mac Righ na h-òir, ’s Ceudach Mac Righ nan Collach, ’s chuir iad an cinn ri cheile gu ’m falbhadh iad dh’ iarraidh bean do Dhiuc Uaine Mac Righ na Frainge. Rainig iad baile mòr ’s bha iad ’ga shiubhal ’s a’ spaidsearachd air ’fheadh gus an d’ fhuair iad sealladh air an te bha iad an toir oirre aig uinneag tigh a h-athar, Righ Mhidia. Bhuail iad beum sgéithe céile comhrag no nighinn Righ Mhidia a chur a mach. Fhuair iad comhrag gaisge ’s chaith iad i, gus nach d’ fhag iad aon ghaisgeach air sgeul aig an righ nach do mharbh iad. Thuirt an righ nach fhaigheadh a h-aon a nighean, ach am fear a bheireadh leum nan ceithir seang a dh’ ionnsuidh ’n aite ’san robh i. Rinn Ceudach Mac Righ nan Collach so, ’s rug e oirre le greim dòorrasach gun stri gun chabhaig ’s bha i sabhailte aige. Cha robh fios an so cò fear dhiu gheibheadh i bho ’n bha iad uile ’nan làn ghaisgich. Thuirt an righ gum faigheadh am fear a b’ fhearr leatha fhein a leantuinn. “Theid sinn do ’n t-sabhal,” thuirt Ceudach Mac Righ nan Collach. Dar fhuair e san t-sabhal iad, thuirt e riu gu ’n deanadh iad “a’ bhuaile mhiosdean” ’s gu ’n cuireadh iad ise san teas meadhon gus an tigeadh tuainealach oirre, ’s gu ’m fosgladh iad tri dorsan an t-sabhail ’s fear ’sam bith a leanadh i mach dhiu gum b ’e sin am fear leis am bitheadh i. Rinn iad so ’s lean ise Ceudach ’s dh’ fhuirich esan leatha an tigh a h-athar. Dar bha iad comhla car ùine bha e ’cur iongantas mòr air-san nach robh i ri fhaicinn ach còrr uair. Latha bha sin dar a bha iad ’nan suidhe aig am biadh thuirt esan ’s e tarruing osnadh throm: [TD 230] “’S ioma gaisgeach ’s miosa an tigh Fhinn an nochd ged tha mise a so air bheagan meas.” “Cha ’n ’eil thu gun mheas idir,” thuirt ise. “Tha,” thuirt esan, “mi gun choimhead gun fharraid ’s b’ fhearr leam gu ’n robh mi an diugh le Fionn ’s le ’mhaithibh. Cha ’n ’eil iarraidh orm a so, ’s bithidh mi falbh.” “An aite sin ’s ann tha moran meas ort; ’s ann deanamh eudaich dhuit bha mise,” ’s thug i mach eudach air dheanamh do na h-uile seorsa bian. “Falbhaidh mi co dhiu,” ors’ esan, “’s fanaidh tusa an so.” “Ma dh’ fhalbhas,” thuirt ise, “cuiridh tu ort an t-eudach, ’s cha ’n fhuirich mise an so; cha bhi eadar-dhealachadh ann.” “Ma dh’ fhalbhas tu leam air ceum mo shiubhal,” ors’ esan, “’s ann air chumhnanta nach abair thu m’ ainm rium fhad ’s a bhios mi beo,” ’s dh’ aontaich i leis. Dar rainig iad tigh Fhinn bhuail e beum-sgeithe, gum bu ghaisgeach esan air son cosnaidh. Thainig Fionn a mach ’s dh’ fharraid e co e na ciod an cosnadh b’ urrainn dha dheanamh. “Se an cosnadh a ni mi an t-seilg a dheanamh ’s a bhruich, mu ’n dig do mhaithibh-sa dhachaidh am maireach, ma leigeas tu mise air an darna taobh do ’n bhéinn ’s ma chuireas tu iadsan air an taobh eile.” Ghabh maithibh Fhinn uaill agus àrdan gu ’n gabhadh aon neach fos laimh tarcuis a dheanamh orra, ach dar thainig iad dhachaidh an la ’r ’n ath-mhaireach bha an t-seilg deanta bruich rompa. “Innis ’de an duais a bhitheas tu ag iarraidh, nis, bho ’n leig thu fhaicinn do dheagh sheirbhis,” thuirt Fionn ris. “Se mo thuarasdal,” ors’ esan, “da thrian do ’m thoil fhein bhi agam, ’s aon trian do d’ thoil fhein a bhi agadsa ’s a chiad fhacal do mhnathan na Féinne a bhi aig do bheansa, ’s an darna facal aig mo bheansa.” Bha iad so tighinn beo gu solasach, gus aon latha am faca iad curachan mòr tighinn dh’ ionnsuidh a ’chladaich anns an robh da bhoirionnach gun chuimhseadh air meudachd. Leum té dhiu air tìr ’s dh’ iarr i Fionn chur nuas, gu ’n robh aice-sa sid léine a bha i latha ’s bliadhna a ’deanamh dha, ’s gur iomadh aomadh ’s h-àitibh roi’ an d’ thainig i mu ’n do bhuanaich i sid. [TD 231] Dh’ innis iad do Fhionn mar thuirt i, ’s dh’ aithnich e gu ’m b’ fhearr dha seachnadh na tachairt rithe. Thuirt gaisgeach nam bian gu ’n rachadh esan thun a’ chladaich ’an aite Fhinn. Dar rainig e chuir i air an léine ’s fhreagair i dha gun bheum. Chuir i sin sreath do sgeanan beaga air am faobhar air beul a’ churachain ’s thuirt i ris, “Ma ’s tu Fionn coisichidh tu air na sgeanan sin ’s cha ghearr iad thu.” Rinn e so, ’s bha na sgeanan toirt nam meoir ’s nan sàiltean dheth. “’S fhurasd aithneachadh nach tu Fionn,” ors’ ise, “thoir thu fhéin as mu ’m bi thu gun chail gun chlì.” Chaidh fios an so air Fionn a rithist ’s thainig e ’s fhreagair an leine dha mar gu ’n rachadh a deanamh uime, ’s choisich e air na sgeanan gun ghearradh gun dochann. An sin thuirt ise, “Fhinn, tha mi ’g ad chur fo bhannaibh ’s fo gheasaibh gu ’n deid thu tri uairean do rioghachd nam fear mòra le d’ thoil ’s tri uairean an aghaidh do thoil,” ’s dh’ fhalbh iad. Goirid an deigh sin thainig an t-am aig Fionn bhi falbh. Dar thainig iad nuas thachair mnathan na Feinne orra. Chaidh Fionn air a ghlun do bhean fear nan cochla craicionn, ’s thuirt i ris, “C’ ar son, O Righ, tha sibh lubadh air glùn dhomhsa.” “Tha,” ors’ an righ, “dh’ iarraidh ort cead an duine agad leigeil leam do rioghachd fad dh’ astar.” “Ni mi sin,” ors’ ise, “air chumhnanta gu ’n toir thu air ais g’ am ionnsuidh e, c’dhiu ’s e ’bheo na ’mharbh a bhitheas ann.” Dh’ fhalbh iad, ’s dar bha iad a ’tilleadh air an rathad, thuirt fear nan cochla craicionn ri Fionn: “Se ar bàs tha so, cha ruig h-aon againn leats’ dhachaidh ’s cuir thusa comharradh air m’ eudachsa los gu ’n aithnich thu mi seach each. Bha mise ’s mo dha chompanach aon uair ’g iomain ’s chaidh a’ chniad a stigh do thigh cailliche a bha deanamh creadha, ’s bhrist a’ chniad a ’chriadh oirre. Dh’ iarr i paigheadh ’s cha robh againn na phaigheadh dhi e, ’s thug sin a’ chniad mach dh’ aindeoin ’s chuir i fo gheasan sinn, ‘Ged tha sibh falbh comhla co mùirneach càirdeil an drasta,’ ors’ ise, ‘marbhaidh an darna h-aon an t-aon eile.’ Tha an t-am nis air tighinn ’s cuir thusa comharradh ’m eudach.” Rinn Fionn so, ’s cha luaithe bha e deanta na dh’ éirich an cogadh as an athar ’s mharbh an darna fear am fear eile, ’s [TD 232] thilg Fionn an dithis eile thar bord, ’s thug e dhachaidh fear nan cochladh craicionn. Choinnich a bhean e. “Seadh,” ors’ ise, “thug thu dhachaidh e.” “Choimhlion mi mo ghealladh,” ars’ Fionn. “Cha bheo e tha mi ’g aithneachadh,” thuirt i. Dh’ imich iad thun a’ chladaich, ’s leig e fhaicinn an corp dh’ i. Thog i a cheann air a glùn, ’s thuirt i: “‘Dh’ aithn ’n air a’ dheud thu, ’S air a’ chul cheutach chlannach, ’S fìrinn ’s cha bhreug e ’Gur tu Ceudach Mac Righ nan Collach.’” Dh’ iarr i cead air Fionn fuireach an oidhche so aig a’ chladach mar bha i. Cha robh i ach ùine ghoirid ann dar chunnaic i dithis fhear thar tomhas tighinn far an robh i far a’ chuain, ’s am fear a bhiodh air dheireadh tilgeil a ’chinn do ’n fhear a bhiodh air thoiseach, ’s an ceann ’dol air mar bhiodh e roimhe. Leis an ionghnadh a ghabh i thog i an claidheamh bh’ aig Ceudach s thuirt i, “C’ ar son nach deanainn an cleas beag?” ’s thilg i an ceann deth ’s fhuair i sin e beo slan mar dhealaich i ris. [TD 233-235] HOW FIONN WAS IN THE HOUSE OF THE YELLOW FIELD, WITHOUT LEAVE TO SIT DOWN OR POWER TO STAND UP. [Beurla] [TD 236] MAR BHA FIONN ’AN TIGH ’BHLAR BHUIDHE GUN CHEAD SUIDHE NA COMAS ÉIRIDH. Bha Fionn mach latha ’gabhail sraid. Cha robh leis ach dithis do ghillean ’s dithis do choin, ’s b’e maighstir nan con fear do na gillean a bha leis, ris an abairteadh Conan. ’De thainig orra ach dalladh chur-sneachda, ’s bha iad feuch am faigheadh iad aite fasgach a bheireadh iad mach. Thachair bodachan beag orra ’s chur e failte air Fionn Mac Cumhail. “Failte ort fhein,” orsa Fionn, “tha aithne agad orm nach ’eil agam ort.” “Tha sin agam ort,” ors’ am bodachan, “’s bharrachd air a sin tha mi ’cur,” ors’ esan, “mar chroisean ’s mar gheasan ort ’s mar naoi buaraichean na mna sìth gum bi thu ’an tigh ’Bhlair Bhuidhe ’n nochd.” “Sios ’s suas d’ gheasan,” ors’ Fionn. “Cha sios ’s cha suas do m’ gheasan,” ors’ am bodach. Far am b’ àirde do ’n bhodach ’s ann a b’ isle dhoibh-san ach gus an do rainig iad beul uamha. Chaidh iad stigh do ’n uamha ’s thuirt am bodach, “Gleidheadh an darna taobh do ’n uamha.” “Mur dig oirnn na ’s treasa na thusa ni sinn sin,” ors’ iadsan. “Cha ’n ’eil fhios agaibh air an t-saoghal,” ors’ esan, “’dé thig oirbh.” Cha b’ fhada as deighinn sin dar thainig òganach a stigh ’s cù blàr buidhe aige, ’s chuir e failte air Fionn Mac Cumhail. “Failte ort fhein,” ors’ Fionn, “tha aithne agad orm nach ’eil agam ort.” “Tha sin agam ort,” ors’ esan, “chuala mi gu ’n robh coin mhath agaibh ’s an Fhéinn ’s thainig mi dh’ iarraidh comhrag chon.” “Cha ’n ’eil moran agamsa so,” ors’ Fionn, “do m’ chuid chon ach dithis.” Agus b’ e an ainm Bran agus Geoladh; ’s air tùs leig e Bran chomhrag leis a’ chu bhlar bhuidhe ach cha robh Bran deanamh tapadh sam bith. Bha spor nimhe air ’s daonnan bhiodh bròg air ach gus am biodh e ’comhrag. Aig an am so cha do chuimhnich iad a bhròg a thoirt dheth. Shealladh Bran air Geoladh ’s shealladh Geoladh air Conan. ’S ann an so chuimhnich Conan nach d’ thainig a’ bhròg thar Bran, ’s leig e e fhein ’na shìneadh fodha ’s thug e dheth a’ bhròg. [TD 237] Cha luaithe bha e air toirt dheth na thog esan a spor nìmhe ’s mharbh e an cù blàr. Sin mar labhair fear a’ choin, “Mar bi Geoladh nan car, Agus Bran roi mheud a lùgh ’s Aon chù mun dùnabh ial Chan fhagadh For siar san Dùn.” Cha b’ fhada an deigh sin gus an d’ thainig baintighearna mhòr a stigh ’s sia maighdeanan deug coimheadach leatha. Chuir i failte air Fionn Mac Cumhail. “Failte oirbh p’ fhein,” ors’ esan, “tha aithne agaibh orm nach ’eil agam oirbh.” “Tha sin agam ort,” ors’ ise, “chuala mi gu ’n robh gleachdairean math agad ’s thainig mi le m’ mhaighdeanan coimhead dh’ fheuchain gleachd riu.” “Cha ’n ’eil moran do ghleachdairean agams’ ann, cha ’n ’eil agam ach dithis air fad,” ors’ Fionn, ’s dh’ iarr e air Conan éiridh a dh’ fheuchain car gleachd’; ’s air a chiad char chuir i air a ghlùn e. “Mac Righ air a ghlun,” ors’ esan, “’s cead dha éiridh?” “’S cead,” ors’ ise. Cha d’ rinn Conan tapadh riamh ach gus an gabhadh e nàire. Thug e an togail àrd aighearach ud oirre ’s chuir e air stéil a droma i, ’s o thé gu té gus an do leag e an t-sia deug. Bha so an té mhòr air son teicheadh air falbh. “Cha dean thu sin idir,” ors’ Fionn, “feumaidh tu gleachd fheuchinn riumsa, ’s cha bu dad gearan idir dhuit na ’m b’ e toiseach ’bhiodh agad ach deireadh na gleachd.” Aige sin dh’ fhalbh i fhein ’s a maighdeanan coimheadach. Cha b’ fhada an deigh sin gus am faca iad moran sluaigh tighinn gu beul na uamha’. Chuir Fionn sios fear do ’ghillean feuch ’de na daoine bha sid, ’s mar nach robh e tilleadh air ais, chuir e fear eile sios. Cha b’ fhada ach gus an do bhrùchd an sluagh a stigh g’ a ionnsuidh. Dh’ iadh iad uime air gachlaimh gus nach robh e comasach dha suidhe na seasamh. Bha e ’gan comhrag le ’chlaidheamh co math ’s a dh’ fhaodadh e. Bha sgiath air a thaobh ris an abairteadh Sgiath Ghaillion, ’s nar ghlaodhadh e chluinteadh ann an Seachd Ceudan na h-Érin i; ’s ’n uair bheireadh i trì ghlaoidh aisde bhiodh esan sin air bheul thaobh bhi ullamh. ’N uair thug i ’chiad ghlaodh aisde chual’ iad ann [TD 238] an Dùn Chinn-a-Choire i; ’s ann sin bha cuideachd Fhinn cruinn. ’N uair ghluais iad, cha robh fhios aca ceart ’de an taobh a ghabhadh iad; ach cha b’ fhad ach gus an cualaic iad rithist i, agus rinn iad direach oirre. Mar bha iad fagasg dha thug i an treas glaodh aisde. Aig an am sin bha iad an deigh an uamh a tholladh os a chionn, agus sin thug iad Fionn mach, ’s cha do leig iad duine a bial airm ach an aon fhear, air son ’s gu ’n innseadh am fear sin gu de a dh’ éirich do chàch uile; agus ’s e sin an càs bu mhotha ’s an robh Fionn riamh, dar bha e ’n tigh ’Bhlàir Bhuidhe (gun chead suidhe no gun chomas éiridh), ’s nach fhaigheadh e suidhe na seasamh. [TD 239] FIONN’S RANSOM. [Beurla] “Am Fear beag, iosal, lapanach, A chota lachduinn nan geur eang, A ghruag uchd an àird, ’S a ghruag àrd air ’uchd, A bholg saighde le nimhe, Gun chéir gun iteach air.” [Beurla] [TD 240] [Beurla] “Sleamhuinn ’s as buidhe mo bhian, ’S cha do chuir e eang air sliabh Beathach riamh a bheireadh orm.” [Beurla] [TD 241-249] [Beurla] [TD 250] [Beurla] EIRIG FHINN. Aon uair chaidh Fionn ’s a thriuir cho-dhaltan, an Ridire Dearg, Ridire ’Chuirn, ’s Ridire ’Chlaidheimh, do ’n bheinn sheilg ’s shuidh iad air cnocan boidheach breac, a ghabhail seallaidh, am fasgadh na gaoithe, ’s fa chomhair na greine, [TD 251] far am faiceadh iad fhéin h-uile duine ’s nach fhaiceadh duine iad fhéin. Mar bha iad tacain ’nan suidhe an sin, thuirt Ridire ’Chlaidheimh, “Saoil mi an do choisich e talamh na ’n d’ imich e an t-athar, fear aig an robh chridhe tàir na tarcuis a dheanamh air Fionn Mac Cumhail ’s a thriuir cho-dhaltan còmhladh ris.” Mu ’n gann a so bha facal air radhainn, chunnaic iad dubhradh froise tighinn as an Aird ’n iar thuath, as an d’ thainig fuaim siubhail seachad ’s marcaiche steud’ dhubh’. Rinn e direach far an robh Fionn ’s bhuail e mu ’n bheul e, ’s chuir e trì fiaclan as gu h-ard ’s gu h-iosal. Dh’ éirich Ridire ’Chlaidheimh sin, ’s thuirt e gu’n deanadh an talamh lag ’na bhonn ’s an t-athar nead ’na cheann, ’s nach bu cheum tilleidh dha, “Gus am faigh mi Éirig Fhinn.” Thubhairt an da cho-dhalta eile, an t-aon ceudna. Ghabh iad sin sios gu cladach, ’s thòisich iad air uidheamachadh luing air son falbh. Cha robh iad fada aig an obair so ’nuair a chunnaic iad Fear Beag Iosal Lapanach a’ teannadh air an aite ’san robh iad. Dh’ fhàiltich iad e; ’s dh’ fharraid esan sin do Ridire ’Chlaidheimh am faigheadh e cead no comas falbh leo air an luing. Fhreagair Ridire ’Chlaidheimh: “Cha’n fhaigh. ’De feum dheanadh duine leibideach coltach riutsa dh’ fhalbh leinne le luing?” Dh’ fharraid e sin do Ridire ’Chuirn an robh doigh aige-san air gu ’m faigheadh e dol leo air an turus, ach thubhairt Ridire ’Chuirn, nach robh feum aca air duine mi-choltach mar bha esan air luing. Chuir e sin a’ cheist cheudna ris an Ridire Dhearg, ’s fhreagair esan, gu ’m bu mhi-iomchuidh leithid sin do cheist a chur air-san. “Co bhitheadh co dana ’s gu ’n d’ thoireadh iad ablach do chreutair lachduinn, leibideach coltach riutsa leo air luing gu cuan.” Dh’ fhalbh e so gu Fionn ’s dh’ innis e dha gu ’n do dhiult iad sid uile e, ’s dh’ fharraid e dheth an leigeadh esan comhladh ris e. “Leigidh,” orsa Fionn; “’s fhearr thu na clach co dhiu.” Chuir iad mach an long. Thug iad toiseach ri muir ’s [TD 252] deireadh ri tìr; thog iad na siùil bhreaca bhaidealach an aghaidh nan crannaibh fada, fulangach, fiùtha le soirbheas, beag, lagach ciuin a bheireadh duilleach bharr chraoibh, seileach bharr bheann, ’s fraoch òg as a bhun ’s as a fhreumhaichean, ’cur na fairge fiolcanaich falcanaich an leathoir chéin ’s an leathoir fhaisg, ’s an fhaochag bheag cham chiar a bha seachd bliadhna air an aigeal ’toirt chuig chnag air a beul mòr, ’s sad air a h-ùrlair. ’Se bu cheòl ’s bu chànran doibh, sgiamhail easgann sgreadail fhiaclan, a’ bheist a bu motha ag itheadh na beist a bu lugha ’s a ’bheist a bu lugha ’deanamh mar a dh’ fheudadh i. Ghearradh i an coinlean coirce aig a ro-thoseach le feabhas a stiuirimiche ’s dheanadh Fionn Mac Cumhail iul ’na toiseach, stiuir ’na deireadh, ’s beairt ’na buillsgean, ’s shuidhich iad a cùrsa air Rioghachd nam Fear Mòra. Mar bha iad da latha aig seòladh dh’ iarr Fionn air Ridire ’Chlaidheimh sealltuinn o ’n chrann am faiceadh e fearann. Chaidh Ridire ’Chlaidheimh so astar beag suas, ’s thill e nuas, ’s thuirt e nach robh roinn no earrann ri fhaicinn. Dh’ iarr Fionn so air Ridire ’Chùirn dol dh’ fheuchainn am faigheadh esan sealladh air fearann ’s chaidh esan suas astar goirid ’sa chrann, ’s thill e nuas, ’s thuirt e nach robh sgathadh do thalamh na do thuar ’s an fhradharc. Dh’ iarr an so Fionn air an Ridire Dhearg sealltuinn uaithe am faiceadh e fearann, ’s cha deachaidh esan suas ach gle bheag astair ’sa chrann dar a theirinn e, ’s thuirt e nach robh fearann na fonn ri fhaicinn ’s nach robh ’san t-sealladh ach muir ’s athar. Dh’ éirich so am Fear Beag Iosal Lapanach, ’s thuirt e riutha, “Mur deanadh sibh na b’ fhearr na sid bha e cheart co math dhuibh fuireach far an robh sibh,” ’s leum e ’s rainig e barr a’ chroinn, ’s mar thill e air ais thuirt e ri Fionn: “Tha e mòr a dh’ fheannaig, ’s beag dh’ fhearann; ach cum romhad mar tha thu.” An latha ’r ’n ath mhaireach bha iad ’sa chaladh ’an Rioghachd nam Fear Mòra. Mar ràinig iad an acairseid cha ’n fhaigheadh iad air tìr. Bha tri Gathan Teinnteach ’cuairteachadh a ’chalaidh. Sin chuir am Fear Beag Iosal Lapanach, sgiath bhucaideach, bhacaideach air a laimh chli ’s air a laimh dheis, ’s thug e [TD 253] leum nan trì Eang a ’s bha e air tìr. Mar fhuair e fhein gu tìr thug e Fionn ’s a thri co-dhaltan ann cuideachd. Ghabh iad sin gu siubhal an Eilein ’nan ceathrar. Mar bha iad ’dol roimhe thachair riutha boirionnach mòr ’s measan donn, builgeanta aig a sàil, ’s h-uile h-uair a shealladh am measan air Fionn bhiodh na fiaclan ’dol ann mar bha iad riamh, ’s mar ’thionndaidh am measan a chulthaobh bha na fiaclan falbh a Fionn. Shaoil an so na co-dhaltan aig Fionn gu ’n robh Éirig Fhinn aca, agus ghoid iad leo an Té Mhòr ’s am Measan do ’n long, ’s dh’ fhag iad am Fear Beag Iosal Lapanach ’s an Eilean. Bha esan ’siubhal ’s a ’sior-imeachd roimhe, ’s ’an dorchadh na h-oidhche chunnaic e bothan beag ’s solus ann. Chaidh e stigh ’s bha teine mòr ann an sin, ach cha robh duine roimhe. Cha robh e bheag ’sam bith a dh’ ùine ’feitheamh ’s ag eisdeachd mar thainig Duine Mòr dhachaidh ’s thuirt e: “Gu de naigheachd an Fhir Bhig Iosail Lapanaich?” Thuirt esan, nach robh naigheachd ’sam bith mur fhaigheadh e aig an Fhear Mhòr a thainig stigh i. “Cha ’n ’eil mo naigheachd fhein ach bochd,” ors’ am Fear Mòr. “Tha mo phiuthar àluinn a nigheadh mi ’sa bhallan ionnlaid ’nuair a thiginn dhachaidh o chur a ’chath ’s a bhithinn co sunndach an latha ’r ’n mhaireach dhol chur chath ’s chomhraig ’s a bha mi riamh, air toirt air falbh ’s i air chall ’s air seachran orm.” “Mur deanadh i ach sin dhuit,” ors’ Fear Beag Iosal Lapanach, “ma dh’ fhaoidte gu’n dean mi fhein e,” ’s ghabh e sios ’s nigh e ’sa bhallan-ionnlaid e, ’s cha robh am fear ud riamh na b’ aoibhneiche na bha e sin. Thainig nis brathair eile dhachaidh, ’s thuirt e ’nuair bha e stigh, “De naigheachd an Fhir Bhig Iosail Lapanaich?” “Cha ’n ’eil bheag na mhòr do naigheachd agamsa,” ors’ am Fear Beag Iosal Lapanach, “mur faigh mi uait fhein i.” “Cha’n ’eil fath mo naigheachdsa ach trom,” ors’ am fear so. “Tha mo phiuthar ghradhach a nigheadh mi ’sa bhallan-ionnlaid ’san fheasgar an deighinn a chath, ’s bhithinn an latha ’r ’n mhaireach co math ’s a bha mi riamh, air toirt air falbh ’s a measan donn builgeanta aig a sàil.” “Mur deanadh i ach sin,” ors’ am Fear Beag Iosal Lapanach, [TD 254] “feudaidh mise amuis air,” ’s chuir e ’m Brathair Mòr so ’sa bhallan ionnlaid, ’s nigh ’s ghlan e e, ’s an latha ’r ’n mhaireach bha e cheart co ùr dhol an chath ’s a bha e riamh. Thainig an ath-fhear dhiu sin rithist dhachaidh, ’s thuirt e cheart seanachas a thuirt a bhràithrean. “De sgeul an Fhir Bhig Iosal Lapanaich?” “Cha ’n ’eil innseadh sgeoil ’sam bith agamsa,” ors’ esan. “Nach ’eil na ’s fhearr aig an Fhear Mhòr làidir a thainig dhachaidh.” “Cha ’n ’eil mo chuid sgeoil-sa ach truagh,” thuirt esan. “Tha mo phiuthar cheutach a nigheadh mi ’sa bhallan-ionnlaid dar thillinn o chur a’ chath, ’s bhithinn an la ’r ’n mhaireach na b’ fhearr na bha mi riamh gu dol air m’ ais a chath ’s a chomhrag, air a toirt air falbh, ’s bithidh mi nis gun chlì gun chomhairle.” “Mur deanadh i ach sin duit feudaidh mi fhein feuchainn ris,” ors’ am Fear Beag Iosal Lapanach, ’s thug e do cheann eile an tighe e ’s nigh ’s ghlan e ’sa bhallan-ionnlaid e, ’s an la ’r ’n mhaireach bha e na bu deise na bha e riamh roimhe air son cath ’s comhrag a chumail. An sin thuirt am Fear Beag Iosal Lapanach, “An leig sibh mise chur a’ chath an nochd air ’ur son?” Thuirt fear de na Braithrean ris, “A dhuine thruaigh! ’De tha thusa dol a dheanamh ann leat fhein dar tha iad cumail ruinne ’nar triuir?” “Ach nach innis sibh dhomh gu de na bheil tighinn a chur dragh oirbh?” ors’ am Fear Beag. Fhreagair sin fear dhiu gu’n robh reisimeid shaighdearan ’tighinn ’s ged chuireadh e an ceann bharr h-uile h-aon diu gu’n robh cailleach mhòr a thigeadh as a dheighinn, ’s stòpan Ath-bheothachaidh aice, ’s ’nuair a chuireadh i a meur as an stopan Ath-bheothachaidh ’nam beul, gu ’n éireadh h-uile aon diu beo. “An dig ach sin?” ors’ esan. “Thig,” ors’ an Ath-fhear, “reiseamaid eile, ’s cruitearan ciuil air an ceann, ’s cuiridh iad sin ’nad chadal thu.” “An dig ach sin?” ors’ esan. “Thig,” ors’ Fear eile dhiu, “Bodach Mòr Uamhbhanta Gàbhanta a leagas tu ’s a bheir uat do bheatha, mur cum thu cath oidhche ris, ’s Cailleach mhòr ’s ma gheibh i dluth dhuit marbhaidh a h-anail thu.” [TD 255] “An dig ach sin?” ors’ esan. Thuirt iadsan nach tigeadh, ’s fhuair e cead falbh an oidhche sin thun a’ bhatail. Mar ràinig e chunnaic e a’ cheud reiseamaid ’tighinn, ’s chaidh e ’m falach gus an deachaidh iad seachad, ’s thainig e air an cùl thaobh ’s mharbh e h-uile h-aon riamh dhiu. Chunnaic e nis Cailleach Mhòr, thar tomhais ’am meudachd, ’tighinn ’s stòpan Ath-bheothachaidh ’na laimh, ’s mar chunnaic esan i tighinn leig e e-fhein ’na shìneadh ’san streath ’san robh na daoine marbh. Chuir ise a corrag as an stòpan Ath-bheothachaidh ann am beul an Fhir a bha laimh ris, ’s leum e beo. Chuir i ’na bheul-san an ath-uair i, ’s thug e dhith a’ chorrag o ’n rudan. Ghlaodh ise: “Gu’m bu tu Fear mu dheireadh de shliochd do mhathair dh’ éiricheas de na bheil ’nan laidhe sin.” “Cha mhi, ach ’s mi an darna Fear a dh’ éiricheas,” ’s dh’ éirich e ’s thilg e na cinn dhiu le cheile, agus cha robh e sin ach uine ghoirid an deighinn am blar sin chur seachad tra chual’ e na Cruitearan Ceolmhor sin tighinn ’s an ath-reiseamaid casadh air. Bha e air a chlaoidh thairis ’s e ’tuiteam ’na chadal; ’s g’a chumail fhein ’na fhaireachadh, charaich e ceann a chlaidheimh ri uchdan a choise ’s a bharr ri ’mhalaidh, ’s h-uile cnotach cadail a bha ’tighinn air, bha an claidheamh ’ga chumail’na dhùsgadh; ’s mar thainig a’ Bhuidheann Shaighdearan fagasg dha, ghabh e air an culthaobh ’s mharbh e uile iad. Smaoinich e so nach biodh am Bodach Mòr ro fhada gun tighinn, agus thòisich e air deanamh toll farsuinn domhain anns an talamh, ’s gu ’chur thairis le fiodh, ’s le feur, ’s le còinneich. Dar bha e gu bhi cùrnaichte, ’an croma-ciar ’s ’an trath-dhorcha an fheasgair thainig am Bodach Uambhanta Gabhanta mi-chuimseach mi-choimeasach ud, ’s thoisich e fhein ’s am Fear Beag Iosal Lapanach air cur a ’chath. Theann iad ri cheile gu garbh, gàbhaidh, ’s àm ’san ruith dhluthaich iad air an fhosgladh a bha ’san làr, ’s chaidh am Fear Mòr ann, ’s fhuair esan cothrom air a cheann a thoirt dheth. Beagan uine an deighinn so thainig a ’Chailleach bu Mhotha ’s bu mhòr. ’Nuair bha i gu bhi laimh ris, bha a h-anail ’ga lagachadh; dh’ fheuch e co math ’s a b’ urrainn dha cumail [TD 256] uaithe, ’s bha iad cluich chathadh chuid bu mhotha do ’n oidhche. Ann am briseadh soilleireachd an latha, mar dhùisg Fear do na Bràithrean, thuirt e ris fhein, “Feumaidh mis’ éiridh, tha mi cinnteach gu bheil am Fear a chaidh a chur chath’ air mo shon marbh o cheann fhada.” Thuirt Fear eile, “Cha ’n e sin ’s duilghe dhuit ach gu’m bi do Rioghachd air a sgrios.” Ach thuirt an treasa brathair riu uile: “’S fhearr dhuinn dol far am bheil iad ’cur a ’chath” ’s a mach ghabh iad ’s thug iad orra far an robh iad a’ cluich bhatailibh. Air dhoibh ruigheachd, fhuair iad a’ Chailleach mhòr ’s Fear Beag Iosal Lapanach air toirt thairis, taobh air thaobh. Thuirt Fear de na Braithrean, “O! nach d’ thoir thu dhomh an claidheamh, feuch an cuir mi an ceann bharr na beiste.” Bho’n rinn mi fhein an troidh, ni mi an t-òirleach,” ors’ am Fear Beag Iosal Lapanach: “Ach cuir thusa do mheur anns an stòpan Ath-bheothachaidh ud thall, as cuir ’am bheul-sa sin i.” Rinn e so, ’s dar fhuair am Fear Beag Iosal Lapanach so, ghluais e ’s sguab e ’n ceann bharr na Cailliche: ’s bha i marbh! Thog na Fir Mhòra leo dhachaidh e sin air an guaillean. Bha iad fuireach comhladh. Aon latha chaidh am Fear Beag Iosal Lapanach mach air chuairt feadh a’ mhonaidh, ’s chunnaic e dubharadh froise ’tighinn as an Aird ’n iar thuath, as an d’ thainig Marcaiche Steud dhubh, ’s thug e garbh ionnsuidh air an Fhear Bheag Iosal Lapanach, ach tharruing esan a chlaidheamh ’s chuir e ’n ceann de mharcaiche na steud dhubh. ’Nuair fhuair e marbh e, dh’ fheuch e sin gu de na fiachan bha e giùlan. ’Nuair rannsaich e cha do thachair ris ach da chìr, sporan seang, sìoda ’s sia Fiaclan Fhinn ’ic Cumhail ann. Thill e dhachaidh ’s sid aige. Dh’ fharraid Fear do na Braithrean, ’De chunnaic e ’n diugh air chuairt. Thuirt esan nach fhaca ni sam bith a thug toileachadh dha, ach dubhradh froise as an Aird ’n iar thuath as an d’ thainig marcaiche steud dubh, “’S dh’ fheuch e ris a’ cheann a thoirt bharramsa ach tharruing mise mo chlaidheamh as sgar mi dheth-san an ceann,” ors’ am Fear Beag Iosal Lapanach. “De fhuair thu ’na luib?” ors’ iadsan. “Cha d’ fhuair ach da chìr, ’s sporan seang sioda anns an robh Sia Fiaclan,” ors’ esan. [TD 257] “Och! och!” ors’ am Bràthair Mòr, “cha d’ rinn thu do mhath riamh dhuinn nach d’ rinn thu do chron an diugh, dar mharbh thu aon Bhrathair ar n-Athar a bha ’cur cuairt uair ’sa bhliadhna air uile Rioghachdan an Domhain diomhair ’s a thigeadh a thoirt dhuinne eachdraidh air gach ni mar bha ’dol.” ’Se thuirt am Fear Beag Iosal Lapanach riutha sin, “Mur ’eil an gniomh a rinn mi taitneach leibh, ni mi cheart chleas oirbh fhein.” Sin thuirt fear eile de na Braithrean, “’S fhada bho’n tha e ’san tailgneachd gur e Fear a thigeadh a thogail Éirig Fhinn ’ic Cumhail a bheireadh saorsa dhuinne ás gach cath as còmhrag.’ Thuirt am Fear Beag Iosal Lapanach gu’n robh e smaointeachadh air falbh nis bho ’n fhuair e Éirig Fhinn. Mu choinneamh sin thuirt na Bràithrean ris, gu’m faigheadh e uapa-san Steud dhubh a mharcaicheadh an cuan glas mar machaire geal sgiamhach, “’S bheir thu ar naigheachd-sa do ’r piuthar ’s bitheadh i agad fhein ’na mnaoi phòsda.” Thug esan ’s an Steud an aghaidh air an Fhéinn ’s am bial an athaidh ’s an fheasgair, bha e le Fionn Mac Cumhail a dh’ fharraid dheth fhein ’s de ’cho-dhaltan an d’ fhuair iad an Eirig, ’s fhreagair iadsan, nach d’ fhuair. Thug esan mach an sporan seang sìoda ’s na Sia Fiaclan ann, ’s thuirt e ri Fionn, “Tha d’ Éirig an sin, ’s cha d’ rinn do cho-dhaltan ’fhaighinn dhuit.” [TD 258] NUMBERING OF DUVAN’S MEN. (AIREAMH FIR DHUBHAIN). [Beurla] [TD 259] “Ceathrar fear fionn fiadhaich air thùs, Mar chòigear dhubha ’nan dail, Do dh’ fhearaibh àrd fir chogaidh Dhubhain, Dithis o Mhac Cumhaill a nuadh, Fear o Dhubhan dreach ruadh, Triuir o Fhionn ’s àillidh dreach, Fear o Dhubhan diuramach, Cha suidh Fionn anns a ’Bhrugh Bhàn, Gun dithis dhubh’ air a leth laimh, ’S gun dithis fhionna air a léis, Do theaghlach Righ Albainn. Dithis dhubh’ mu Dhubhan dhìl, Aon fhear fionn ’na fhochair sin, Da lasgair’ dhubh ’nan dàil, Dithis o Fhionn ’s fear o Dhubhan.” [Beurla] [TD 260-266] THE LAD WITH THE SKIN COVERINGS; OR, CEUDACH, SON OF THE KING OF THE COLLA MEN. [Beurla] [TD 267] [Beurla] GILLE NAN COCHLA CRAICIONN. Bha Ceudach mac Righ nan Collach, ’s Driuchd Gle-gheal mac Righ an Òir, ’s Lamh Gle-gheal mac Ri na Frainge ’nan tri chompanaich. Cha robh ann an Ceudach mac Righ nan Collach ach duine bochd, ach bha h-uile oilean a dh’ fheumadh a bhi aig mic righrean aige. Latha bha sin dar bha an triuir tighinn dachaidh ag iomain rompa, chaidh a’ chnìad stigh thaobh [TD 268] tuiteamas do thigh te aig an robh obair airgid, agus bhristeadh an obair airgid. ’Se an lagh rinn iad, ’nan triuir a so, am fear bu teinne air an dorus gur esan rachadh stigh a dh’ iarraidh na cnìad. Chaidh Lamh Gle-gheal mac Righ na Frainge stigh ’s dh’ iarr e gu doirbh a’ chnìad chur a mach, ach, dhiult an té so a dheanamh gus am faigheadh i paidheadh air son an obair airgid, ’se thuirt i ris, “Feumaidh tu tuille ’s iarraidh dheanamh ’ille; thig stigh ’s paidh e.” ’Se thuirt esan rithe, “Cumaidh tu i treis mu ’m paidh mise e.” Chaidh Driuchd Gle-gheal mac Righ an Òir stigh ’sa cheart ruith, ’s cha d’ éirich dha ni na b’ fhearr ’s cha d’ fhuair e ’chnìad. An sin chaidh Ceudach gu siobhalta stigh far an robh i crom sealltuinn air na bloighean de ’n obair aice, is dh’ iarr e gu modhail suilbhir, ’s gu ceannalta uasail, am faigheadh e a’ chnìad air ais. Thug i dha air ais i ’s làn aid’ a dh’ òr ’s a dh’ airgiod air son a mhodhalais. Chuir i sin an triuir aca fo chroisean ’s fo gheasan, “Gu ’n tuit sibh cùl ri cùl ’san aon chath.” “Sios ’s suas do ’d gheasan,” thuirt iadsan. “Cha sios ’s cha suas ach mar sid,” thuirt ise. Dh’ fhalbh iad sin ’s bha iad ’siubhal ’s ag imeachd greis, ’s dhealaich iad a’ tuireadh ’s a’ caoidh. Air a ’chnoc air an do dhealaich iad rinn iad cumhnanta gu ’n tachaireadh iad a ris. Ri ùine thachair so. Chuir iad sin an cinn ri cheile gu ’m falbhadh iad a dh’ iarraidh nighean Righ na Cathrach Iaruinn air son a bhi ’na bean do Dhriùchd Gle-gheal mac Righ an Òir. Bha armachd aig an dithis eile ach cha robh aig Ceudach. Dar rainig iad am baile mòr, bha e air chuairteachadh le balladh air an robh geatachan. Chaidh innseadh dhoibh gu ’n robh fichead a dh’ fhicheadan stob air beul-thaobh tigh an Righ agus ceann air h-uile stob dhiu sin ach tri, ’s gu ’n robh Béist mhòr a’ cumail dion air an tigh. Thuirt Lamh Gheal mac Righ na Frainge gu ’n rachadh esan a shealltuinn co ris a bha a’ bhéist coltach. Cha deachaidh esan ro theann oirre ’nuair thill e ann an cabhaig, ’s dh’ fheoraich a chompanaich dheth co ris a bha i coltach. Thuirt e riu gu ’n robh coltas uamhasach oirre ’s nach b’ urrainn h-aon ’sam bith dol mar astar dhith. Thuirt Driuchd Gle-Gheal mac Righ an [TD 269] Òir gu ’n robh e ’na ghaisgeach fo armachd ’s nach bitheadh eagal air roimh ni no neach. Dh’ fhalbh e ’s mur e a b’ fhaide dh’ fhan uaipe cha’n e bu teinne a chaidh oirre. Thuirt Ceudach so gu’n rachadh esan ann ’de ’sam bith dh’ éireadh dha. Thuirt iadsan nach robh e ro-choltach gu ’m buaidheachadh esan ’s e gun airm ’sam bith dar nach b’ urrainn iadsan ’s iad fo lan armachd dol g’ a còir. Thuirt Ceudach, nach robh e riamh le maighstir nach leigeadh leis fheuchain ’de b’ urrainn da dheanamh. Thuirt iadsan nach robh am beachd mu dheighinn ach fann, ach bho’n bha e co daingean ’na bheachd fhein gu feudadh e dol ann ’s fheuchain. Thug Lamh Gle-gheal mac Righ na Frainge dha armachd fhein sin. Dar rainig e ’n t-aite fhuair e ’n Uile-bheist ’na cadal, ’s dar bha e toirt ceum thairis oirre dhuisg i ’s thuirt i ris, “Feumaidh gu bheil thu misneachail dar tha thu feuchain ri faighinn seachad ormsa gun chead iarraidh, cha ’n anns an doigh sin a gheibh thu stigh: ’s math ’s aithne dhomhsa ceann do sheud ’s do shiubhail. Tha fichead a dh’ fhicheadan stob anns an rathad mu choinneamh an tighe, ’s cha ’n ’eil ach tri dhiu falamh; ’s iomadh gnuis a mharbh mise riamh, ’s bithidh do cheannsa air fear do na stuib am màireach; cha ’n fhaigh thu fathamas ’sam bith bhuamsa; bi deanamh air do shon fhein.” Leis a sin dh’ éirich an Uile-bheist ’s chrath i i fhein, ’s chaidh iad an caramh a cheile co searbh ’s gu ’n robh slachdartaich na comhraig ri chluinntinn fad as cian air astar. Bha nighean an righ le sia deug g’ a maighdeanan coimheadach aig an uinneig, ’s dar chualaic i farum na h-iorghuill chuir i a ceann mach, ’s bha i ’ga fheitheamh. Ann an h-aon do na ionnsuidhnean thilg Ceudach an ceann bharr a’ Bheist mhòir, ach cha bu luaithe bha e dhith na leum e air rìs. Ghlaodh nighean an Righ ris dar gheibheadh e an ceann deth an ath uair e chumail a’ chlaidheamh fhuar ris an smìor-chailleach aig an Uile-bheist gus an reodhadh an fhuil, ’s nach rachadh an ceann air amhaich tuille, ’s gu marbhadh sin e. “’S iomadh latha tha mi ’gad dhion, ma ’s e sin an duais a tha mi dol a dh’ fhaighinn air a shon, bheir mi an ceann dheth-san an toiseach, ’s sin bheir mi dhiotsa e.” ’Se mar thachair gu ’n deachaidh an ceann thoirt thar an [TD 270] Uile-bheist ’s cha deachaidh e tuille air an amhaich. Lion e na tri stuib a bha falamh air beul-thaobh an tighe, ’s thainig so an dithis eile a ghabhail sealladh air mar bha cùisean dol na co de’n triuir a dh’ fheudadh ise fhaighinn. Cha ghabhadh ise ach am fear a thug an ceann bhar na Uile-bheist, ’s chum ’s nach biodh mi-thlachd air fear seach fear dhiu, ghabh i doigh ghrinn; rinn i lagh dhoibh, gur e fear ’sam bith rachadh stigh air an dorus air an rachadh ise, gur e sin am fear a leanadh i, ’s dh’ aindheoin gach uilc ’s sgiorradh mar thachair ’se Ceudach chaidh stigh ’na deighinn. Bha an Sgoil Dubh aige-san ’s leis so bha fios aige air an dorus air an deachaidh ise stigh, seach aon de na dorsan eile, agus chaidh am pòsadh. Bha an fheadhainn eile so ’dol a dhealachadh ris, lan àrdain nach d’ fhuair iad fhein nighean an righ. Thuirt ise sin ’san dealachadh gu ’n robh i ’gan cuir fo chroisean ’s fo gheasan ’s fo naoi buaraichean na mna sìth, laogh maol carach na ’s miosa na ’ainm, a thoirt chinn gun chosnadh dhiu mur coinnicheadh iad comhla an ceann latha ’s bliadhna c’dhiu bhiodh iad beo no marbh. Dar dhealaich an dithis eile, smaointich esan air dol dh’ ionnsuidh Fhinn far an robh an Fheinn ’nan tamh, ach dh’ iarr ise air fuireach far an robh e ’n oidhche so, ’s mu ’n d’ thainig fàire na maduinn, bha deise chraicnean gun mhear gun uireasbhuidh aice deas dha. Dar chuir i air an deise thuirt i ris, “Gu’ m meal ’s gu ’n caith thu do dheise; ’s tu fear nan Cochulla Craicinn.” Dh’ fhalbh iad comhla, ’s dar bha iad teann air an aite ’san robh Fionn ’s a chuid dhaoine, dh’ iarr ise gu’ m faigheadh i fhein cumhnant a dheanamh ri Fionn. Thuirt esan nach robh esan ’cur dad an aghaidh sin. Dar rainig iad thainig Fionn ’nan coinneamh ’s dh’ fharraid e ’de an obair bha an duine aice math air, ’s fhreagair i gu’n gabhadh e os laimh aon obair a dheanamh gu maith ’s tri gu dona, ’s gur e còcaireachd a b’ fhearr e air. Dh’ fharraid Fionn so gu de an duais a bhiodh e ’g iarraidh, ’s thuirt e gu’m b’e gu’m bitheadh uaigneas mnathan na Feinne da mhnaoi. Thuirt Fionn ris, “’S mòr do mhiadh ’s do mheas agam,” ’s dh’ fharraid e ’ainm. Thuirt esan gum b’ e Fear nan Cochulla Craicinn. Thòisich e air obair. Bha seachd fichead teine aige ri fhreasdal dhoibh, agus naoi bùird ’s naoi naoinear ’nan suidhe aig h-uile bòrd, agus bòrd Fhinn air chul-thaobh [TD 271] sin, ’s cha d’ fhairich iad uapa aig àm ’sam bith e. ’Nuair dh’ iarradh e cuideachadh air son h-aoin a bheireadh, bha dhà nach b’ aithne. Chaidh Fionn mu ’n cuairt nan teineachan tri uairean ’s thuirt e nach fhaca e obair riamh a b’ fhearr. Latha do na laithean chunnaic iad curachan beag tighinn do ’n chaladh ’s cha robh innte ach aon bhoirionnach, ’s dar thainig i air tir bhuail i beum sgéithe, Fionn Mac Cumhaill a chur nuas gu tapanta far an robh ise, gu’n robh leine aice a bha i seachd lathan ’s seachd bhadhna ’deanamh air a shon. Chaidh fear de na gillean fridhealaidh sios, ’s chaidh an léine fheuchain air, ’s fhreagair i dha, ’s dh’ fharraid ise dheth am b’ esan Fionn. Thuirt esan, “’S mi gun teagamh a nis.” Chuir ise sin sgian bheag ann an toiseach a’ bhata, ’s thuirt i ris, “Ma chuireas tu tri chuir dhiot air shàil air barr na sgéine sin, ’s tu gun teagamh Fionn Mac Cumhaill.” Dh’ fheuch am fear ud ri sud a dheanamh, ’s cha do chuir e dheth ach bloigh cuir, ’s thuirt ise, “Thuig mi fhein nach bu tu Fionn; rach suas gu luath ’s cuir nuas gu tapanta Fionn Mac Cumhaill ’s gu ’m feuchainn uime an léine tha mi co fada deanamh air a shon.” ’N uair so chaidh Fear nan Cochulla Craicinn chur sios ’s chaidh an léine fheuchain uime, ’s fhreagair i gle mhath dha. “Ach ma ’s tu Fionn seas air do shail air an sgian bheag sin a sin, ’s cuir car tri uairean dhiot.” Dh’ fheuch am fear ud ’s cha do chuir e ach da char dheth. “Cha tu,” ors’ ise, “Fionn fhathast; rach suas gu ealamh, ealamh ’s cuir nuas Fionn Mac Cumhaill so ’s gu ’m feuchainn-sa air an léine a tha mi co fada deanamh air a shon.” Dar dh’ innis iad do dh’ Fhionn nach gabhadh i diùltadh, thuirt e, “Na tha ri dheanamh feumaidh e dheanamh.” Dar chunnaic ise Fionn dh’ aithnich i ’am priobadh na sùl e; dh’ fheuch i an léine air ’s fhreagair i dha gun mhear gun uireasbhuidh, ’s dh’ iarr i air seasamh air an sgian ’s tri chuir chur dheth air a shàil. Rinn e so gu réidh. “Gun teagamh ’s tusa, Fionn,” ’s chuir i fo chroisean ’s fo gheasan e gu’n rachadh e do rioghachd a h-athar “tri uairean air mo bhuadhas ’s tri uairean air mo dhimeas!” Leis a sin dh’ fhalbh i, ’s thill Fionn dhachaidh ’s thòisich e air deanamh deas. [TD 272] An ceann latha ’s bliadhna bha cabhlach na Féinne ’na h-uidheam. Leag Fionn sin craobh ’s chuir e da chrann ’sa churachan. Dar bha i deas chaidh e dh’ ionnsuidh bean fear nan Cochulla Craicinn, a dh’ iarraidh oirre a leigeil air falbh comhla ris. Thuirt i ris, “Tha thu dol air tòir na mnà, tha fios agamsa ’s innsidh mi dhuit co i, is i nighean Abhaig Ghlùn Dubh, a Cathair na Camluisg fo dhruidheachd; ’s tusa ni iùl dhoibh; bithidh tu ’san aona bhàta ri Fionn, ’s dar bhitheas tu latha aig seòladh togaidh tu fearann Oide Abhaig Ghlùn Dubh ’s air an traigh gheal ghaineamhaich, ‘Fear beag iosal lapanach Le cota lachdunn nan tri eang,’ ’s inneal druidheachd aige air a ghualainn’ ga chaitheamh’ san fhairge; na biodh eagal ’sam bith agad roimhe, ach cuir do lamhan an ceanna do leis, ’s leum air tir agus ’s cinnteach gu ’n ruig thu; ’s beiridh tu air an fhear bheag ’s bheir thu uaithe an inneal druidheachd ’s càiridh tu e ann an comhair a chinn gus an teis meadhon anns an t-sughanaich ghaineich, cha ’n eil a bhàs fo adhar ach ’san doigh sin. Bheir thu sin leat am buideal druidheachd, ’s fear a stiuireas tu gu rioghachd Abhaig Ghlùn Dubh, ’s dar bheir thu mach fearann thig soithichean Oide Abhaig Ghlùn Dubh, ’s caithidh tu mach an inneal druidheachd, ’s bithidh iad uile air an call.” ’S ann mar sin thachair dhoibh air a’ cheanna mu dheireadh, ’s chaidh soithichean Oide Abhaig Ghlùn Dubh a chall. Mach ghabh Fionn ’s a chuid feachd gu tigh an Righ. Bhuail e beum sgeithe. Sheall an Righ mach ’s thuirt e, “Tha Fionn air tighinn ’s ma ’s ann leinn a bhitheas e, ’s fheairde sinn e, ’s ma ’s ann’ nar n-aghaidh, ’s misde sinn e.” Thainig nighean an righ ’nan còmhdhail ’s thuirt i, “Thainig sibh na bu luaithe na bha fiughair ribh.” “’S math,” ors’ Fionn, “nach tachair na bheil fiughair ris, air neo bhithinn-sa ’s mo chuid dhaoine air ar call an diugh, tha mi so mar dh’ fheumainn a bhi ’s ma tha thusa air son mo bheatha thoirt dhiom bheir mise nis dhiotsa do bheatha, ‘Bàs os d’ chionn.’” Chaidh ise air a glùn dha dh’ iarraidh air a beatha ’chaomhnadh dh’ i. Dh’ fharraid esan gu de éirig a beatha, ’s [TD 273] thuirt i gu’m b’ e sin gu ’m bitheadh i leis uair sam bith a bhiodh e ’n càs no ’n éiginn, ’s na ’m mathadh e a beatha dhi nach biodh aige ach cuimhneachadh oirre ’s gu ’n seasadh i e ’n còir ’s an eacoir gu bràth. Thuirt Fionn gum b’ fhearr an t-olc sheachnadh, “seachuinn an t-olc ’s seachnaidh an t-olc thu,” ’s gu ’m mathadh e a beatha dhi ged nach do choisinn i moran caoimhneas uaith-san. Thill Fionn air falbh, e fhein ’s a chuid dhaoine, ’s cha robh iad ach air togail o ’n chaladh dar nochdadh dà fhitheach os cionn a’ bhata anns an robh e. Leum fear nan Cochulla Craicionn suas comhla riu, ’s ’sann dar a bha iad tacan aig seòladh ’sann dh’ fhairich iad ’gan dith e, ’s thill Fionn an soitheach mu ’n cuairt, ’s chaidh e air a thòir, ’s dh’ iarr e ’sa h-uile ait’ e fo h-aon ’s fo dhà. An treas uair fhuair e e fhein ’s an fheadhain eile cùl ri cùl marbh air lianag ghorm, ’an clachan a ’chladaich ann an Rioghachd Abhaig Ghlùn Duibh. Thug Fionn leis e ’s thill e thun an aite ’san robh an Fhéinn ’nan tàmh. Dar rainig iad an cladach bha ’bhean aig Fear nan Cochulla Craicionn air thoiseach orra, ’s thuirt i ri Fionn, “A ’bheil a bheo no ’mharbh agad dhomh?” “Se a bhàs a th’ agam,” thuirt esan. “’S math marbh fhein,” thuirt ise, ’s dar chunnaic i marbh e ’se thuirt i, “Dh’ aithn’inn thu ’s cha b’ ann air éideadh, Ach ’sann air chùl ceudach clannach, ’S mur athris mi na breugan ’S tu Ceudach mac righ nan Collach.” Thuirt Fionn sin, “B’ fhurasd’ dhomh aithneachadh gur e aon mhac bràthar m’ athar a th’ ann.” Dh’ iarr ise air Fionn ’fhagail aice fhein, ’s dh’ fhuirich i sin fad na h-oidhche. Ann an soilleireachadh an latha chunnaic i curachan beag ’tighinn ’s dithis dhaoine innte. Bha fear ’san toiseach ’s fear ’san deire, ’s claidheamh an t-aon aca ’s iad ’tilgeil nan ceann bhar a ’cheile. Dar thainig iad teann air a’ chladach, thuirt an darna fear ris an fhear eile, “Seall,” ors’ esan, “an duine marbh a th’ air beul-thaobh a’ bhoirionnaich a tha ’na suidhe air a’ chreig.” Thainig iad air tir far an robh i, ’s thuirt i riu, “Nach feuch sibh an cleas beag o chian air an fhear a tha ’na laidhe so?” [TD 274] Aige so thilg fear dhiu an ceann bhar na coluinn leis a chlaidheamh ’s dh’ éirich an duine marbh suas beo slan mar bha e roimhe. Dh’ aithnich iad a cheile, gur an fheadhainn a dh’ fhalbh comhla bh’ ann. Thainig Fionn ’s a chuid dhaoine ’nan coinneamh, ’s thog iad air bharraibh an guaillean iad suas gu tigh Fhinn, agus b’ i sin an darna cuirm bu mhotha bha ’san Fhéinn riamh, ’s mhair i seachd lathan ’s seachd oidhchean. [Beurla] [TD 275-279] [Beurla] [TD 280] [Blank] [TD 281-89] BIBLIOGRAPHICAL NOTES. [Beurla] [TD 290-292] INDEX OF INCIDENTS AND RUNS. [Beurla]