[DA 1] ARGYLLSHIRE FOLK AND HERO TALES. [DA 2] Waifs and Strays of Celtic Tradition. Series initiated and directed by LORD ARCHIBALD CAMPBELL. Demy 8vo, cloth. ARGYLLSHIRE SERIES. VOLUME I. CRAIGNISH TALES. Collected by the Rev. J. MACDOUGALL; and Notes on the War Dress of the Celts by LORD ARCHIBALD CAMPBELL. xvi, 98 pages. 20 plates. 1889. 5s. VOLUME II. FOLK AND HERO TALES. Collected, edited (in Gaelic), and translated by the Rev. D. MACINNES; with a Study on the Development of the Ossianic Saga and copious Notes by ALFRED NUTT. xxiv, 497 pages. Portrait of Campbell of Islay, and Two Illustrations by E. GRISET. 1890. 15s. “The most important work on Highland Folk-lore and Tales since Campbell’s world-renowned Popular Tales.”—Highland Monthly. “Never before has the development of the Ossianic Saga been so scientifically dealt with.”—HECTOR MACLEAN. “Mr. Alfred Nutt’s excursus and notes are lucid and scholarly. They add immensely to the value of the book, and afford abundant evidence of their author’s extensive reading and sound erudition.”—Scots Observer. “The Gaelic text is colloquial and eminently idiomatic. … Mr. Nutt deserves special mention and much credit for the painstaking and careful research evidenced by his notes to the tales.”—Oban Telegraph. [DA 3] WAIFS AND STRAYS OF CELTIC TRADITION. ARGYLLSHIRE SERIES.―NO. III. FOLK AND HERO TALES. Collected, Edited, Translated and Annotated BY THE REV. J. MACDOUGALL. WITH AN INTRODUCTION BY ALFRED NUTT, AND THREE ILLUSTRATIONS BY E. GRISET. LONDON: DAVID NUTT, 270-71, STRAND. 1891. [DA 4] “The poor despised popular Tales, which are branded as wicked lies in the West Highlands, and which such men as Grimm and De la Villemarqué believe to be some of the oldest known products of the human mind.”—CAMPBELL OF ISLAY’S Popular Tales of the West Highlands, vol. iv, p. 274. [DA 5-6] CONTENTS. [Beurla] [DA 7] PREFACE. [Beurla] [DA 8] [Blank] [DA 9-12] INTRODUCTION. [Beurla] [DA 13-29] INTRODUCTION. [Beurla] [DA 30] [Blank] [DA 31] TALES. [DA 32] [Blank] [TD 1-8] 1. HOW FINN KEPT HIS CHILDREN FOR THE BIG YOUNG HERO OF THE SHIP, AND HOW BRAN WAS FOUND. [Beurla] [TD 9] [Beurla] MAR GHLEIDH FIONN A CHUID CLOINNE DO DH’ ÒGLACH MÒR NA LUINGE, AGUS MAR FHUARAS BRAN. LÀ bha Fionn agus a chuid daoin’ anns a’ Bheinn-sheilg mharbh iad mòran fhiadh; agus dar bha iad sgìth an déigh na faoghaide shuidh iad sìos air tulach ait, uaine, air chùl gaoith’ agus air aodann gréine, fàr am faiceadh iad gach aon ’us nach faiceadh aon idir iad. Am feadh ’bha iad ’n an suidhe ’s an ionad sin thog Fionn a shùilean ris a’ mhuir, agus chunnaic e long a’ deanamh dìreach air a’ chaladh fo ’n àit’ anns an robh iad ’n an suidhe. An uair a thàinig an long chum tìre, léum òglach mòr a mach aist’ air an tràigh, agus rug e air bhroilleach oirre, agus tharruinn e i, a seachd fad fhéin, an àird air féur gorm, fàr nach robh ’chridh’ aig macan fear fearainn no baile mhòir a bhi ri bùirt no fochaid oirre. An sin dhìrich e ’mach am bruthach, a’ léum thar nam bac agus a’ fiaradh nan cnoc gus an d’ ràinig e ’n t-àite ’s an robh Fionn ’us a chuid daoine ’n an suidhe. Bheannaich e Fionn gu briosglach, brosglach, briathrach; agus bheannaich Fionn e le comain nam briathra céudna. An sin dh’ feòraich Fionn d’e Cia as a thàinig e, no gu dé ’bha e ’g iarraidh? Fhreagair e Fionn gu ’n d’ thàinig e tromh fhair’ oidhche agus ànradh mara fàr an robh esan, a chionn gu ’n robh e ’call a chuid cloinne, agus gu ’n robh e air innseadh dha nach robh duin’ air an t-saoghal a b’ urrainn a chuid cloinne ’ghleidheadh dha ach esan, Fionn Righ na Féinne. Agus [TD 10] thubhairt e ri Fionn, “Tha mi ’cur mar chroisean ’us mar gheasan ort, ’us mar sheachd buaraichean sìthide, siùbhla, ’s seachrain gu ’m bi thu leam-as mu ’n ith thu biadh, no mu ’n òl thu deoch, no mu ’n dùin thu sùil ’an cadal.” Air dha so a ràdh, thionndaidh e air falbh uapa, agus theirinn e ’m bruthach an rathad a dhìrich se e. An uair a ràinig e ’n long, chàirich e ’ghualainn r’ a toiseach, agus chuir e mach i. Léum e ’s tigh innt’ an sin agus dh’ fhalbh e ’n taobh a thàinig e gus an do chaill iad sealladh air. Bha Fionn a nis fo sprochd mòr, a chionn gu ’n robh na bòidean air an cur air, agus gu ’m féumadh e ’n coimhlionadh, air neo siubhal air aghaidh gus am faigheadh e am bàs. Cha robh fhios aige ceana ’ghabhadh e, no gu dé ’dheanadh e. Ach dh’ fhàg e beannachd aig a chuid daoine, agus theirinn e ’m bruthach gu ruig taobh na mara. An uair a ràinig e sin cha b’ urrainn e dol na b ’fhaide air an t-slighe air am fac’ e ’n t-Òglach Mòr a’ falbh. Air an aobhar sin thôisich e air imeachd ri taobh a’ chladaich, ach mu ’n deachaidh e ro fhad’ air aghaidh chunnaic e seachdnar dhaoine ’tighinn ’n a choinneamh. An uair a ràinig e na daoine dh’ fheòraich e de ’n chéud fhear dhiubh, Gu dé air an robh e math? Fhreagair an duine gu ’m bu Shaor math e. Dh’ fheòraich Fionn d’ e gu dé cho math ’s a bha e air saorsainneachd? Thubhairt an duine gu ’n deanadh e long mhòr, luchdmhor, lionta le trì buillean d’ a thuaigh de ’n stoc fheàrn’ ud thall. “Tha thu glé mhath,” arsa Fionn; “faodaidh tu gabhail seachad.” Dh’ fheòraich e ’n sin de ’n dara fear, Gu dé air an robh esan math? Thubhairt e gu ’n robh e ’n a Lorgaiche math. “Gu dé cho math ’s a tha thu?” arsa Fionn. “Lorgaichidh mi ’n lach thar bharraibh nan naoi tonn ’an ceann nan naoi tràth,” ars’ an duine. “Tha thu glé mhath,” thubhairt Fionn; “faodaidh tu gabhail seachad.” An sin thubhairt e ris an treas fear, “Gu dé air am bheil thusa math?” Fhreagair e gu ’m bu Ghramaiche math e. “Gu dé cho math ’s a tha thu?” “An greim a gheibh mi cha leig mi as gus am bi mo dhà laimh as mo ghuailnibh, no gu ’m [TD 11] bi mo ghreim agam.” “Tha thu glé mhath; faodaidh tu dol seachad.” An sin thubhairt e ris a cheathramh fear, “Gu dé air am bheil thusa math?” Fhreagair e gu ’m bu Streapaire math e. “Gu dé cho math ’s a tha thu?” “Streapaidh mi air ròinean sìoda gus na rionnagan ged cheangladh tu ’n sin e.” “Tha thu glé mhath; faodaidh tu gabhail seachad.” Thubhairt e ’n sin ris a’ choigeamh fear, “Gu dé air am bheil thusa math?” Fhreagair e gu ’m bu Mhèirleach math e. “Gu de cho math ’s a tha thu?” “Goididh mi ’n t-ubh bho ’n chùrr, ’us a dà shùil a’ coimhead orm.” “Tha thu glé mhath; faodaidh tu gabhail seachad.” Dh’ fheòraich e de ’n t-sèathamh fear, “Gu dé ’air am bheil thusa math?” Fhreagair e gu ’m bu Chlàisdeir math e. “Gu dé cho math ’s a tha thu?” Thubhairt e gu ’n cluinneadh e gu dé ’bha iad ag ràdh ’an iomall an Domhain Toir. “Tha thu glé mhath; faodaidh tu gabhail seachad.” An sin thubhairt e ris an t-seachdamh fear, “Gu dé air am bheil thusa math?” Fhreagair e gu ’m bu Chuspair math e. “Gu dé cho math ’s a tha thu?” “Fhad ’s a chuireadh sreang i, agus a ghiùlaineadh bogha i, chuimsichinn ubh anns an athar.” “Tha thu glé mhath; faodaidh tu gabhail seachad.” Thug so uile misneach mhòr do Fhionn. Thionndaidh e mu ’n cuairt, agus thubhairt e ris an t-Saor, “Dearbh do làmh.” Ghabh an Saor fàr an robh ’n Stoc, agus bhuail e le thuaigh e trì uairean; ’us mar thubhairt e bha ’n Long deas. Dar chunnaic Fionn an Long deas, thug e òrdugh d’ a dhaoin’ air a cur a mach. Rinn iad sin, agus chaidh iad air bòrd innte. Dh’ òrduich Fionn an Lorgaiche ’dhol do ’n toiseach a nis, agus e g’ a dhearbhadh féin. Aig a’ cheart àm dh’ innis e dha gu ’n d’ fhàg òglach mòr an caladh ud ’n a luing an dé, agus gu ’n robh ’dhìth airsan an t-òglach a leantuinn do ’n àite ’s an robh e nis. Chaidh Fionn féin a stiùradh na Luinge, agus dh’ fhalbh iad. Bha ’n Lorgaiche ’g iarraidh air a cumail mar sud, n’ a cumail mar so. Sheòl iad air an aghaidh ùine mhòr gun fhearann fhaicinn, ach chum iad air an aghaidh gus an robh am feasgar a’ tighinn. Ann an dorchadh nan tràth, thug iad an [TD 12] aire gu ’n robh fearann air thoiseach orra, agus rinn iad dìreach air. An uair a ràinig iad an cladach léum iad gu tìr, agus tharruinn iad an Long. An sin thug iad an aire do thigh mòr sgiamhach anns a’ ghleann os ceann a’ chladaich. Ghabh iad a suas a dh’ ionnsaidh an tighe; agus an uair a bha iad a’ dlùthachadh ris chunnaic iad an t-Òglach Mòr a’ tighinn ’n an coinneamh. Ruith e, agus chuir e ’dhà laimh mu ’n cuairt air amhaich Fhinn, agus thubhairt e, “A ghràidh a dh’ fhir an t-saoghail! an d’ thàinig thu?” “Na ’m bu mhi do ghràdh a dh’ fhir an t-saoghail, cha-n ann mar dh’ fhàg thu mi a dh’ fhàgadh tu mi,” arsa Fionn. “Oh, cha b’ ann gun dòigh air tighinn a dh’ fhàg mi thu,” ars’ an t-Òglach Mòr. “Nach do chuir mi seachdnar dhaoin a’ d’ choinneamh?” An uair a ràinig iad an tigh dh’ iarr an t-Òglach Mòr air Fionn agus air a dhaoine dol a ’s tigh. Ghabh iad ris a’ chuireadh, agus fhuair iad pailteas bithidh agus dibhe. An deigh dhoibh an acras agus an tart a chasg thàinig an t-Òglach Mòr a ’s tigh fàr an robh iad, agus thubhairt e ri Fionn, “Sè bliadhna bho nochd bha mo bhean-sa ’n a laidhe shiùbhla, agus rugadh leanabh dhomh. Cho luath agus a thàinig an leanabh air an t-saoghal, thàinig Cròg Mhòr a ’s tigh air an luidheir, agus thug i leatha ’n leanabh ann an currachd na Cròige. Tri bliadhna bho ’nochd thachair a leithid céudna. Agus an nochd tha i dol a bhi ’n a laidhe-shiùbhla ’rithist. Chaidh innseadh dhomh gu ’m bu tusa an aon duine air an t-saoghal a b’ urrainn mo chuid cloinne a ghleidheadh dhomh, agus tha misneach agam a nis o’n fhuair mi thu.” Bha Fionn agus a chuid daoine sgìth agus cadalach. Thubhairt Fionn ris na daoine gu ’n robh iadsan ri iad féin a shìneadh air an ùrlar, agus gu ’n robh esan’ dol a dheanamh faire. Rinn iad mar dh’ iarradh orra, agus dh’ fhuirich e féin ’n a shuidhe taobh an teine. Mu dheireadh thòisich an cadal air tighinn air, ach bha gàt iaruinn aig’ anns an teine, agus cho tric agus a thòisicheadh a shùilean air dùnadh le cadal stopadh e ’n gàt tromh chnaimh a dheàrna, agus bha sin ’g a chumail ’n a fhaireachadh. Mu mheadhon oidhche chaidh an dara taobh [TD 13] do’ n mhnaoi, agus cho luath ’s a thàinig an leanabh air an t-saoghal, thàinig a’ Chròg a ’s tigh air an luidheir. Ghlaodh Fionn ris a’ Ghramaiche ’bhi air a chois. Ghrad léum an Gramaiche air a chois, agus rug e air a’ Chròig. Thug e tarruinn air a’ Chròig, agus thug e ’s tigh i gu maol an dà shùl air an luidheir. Thug a’ Chròg tarruinn air a’ Ghramaiche, agus thug i mach e gu maol na dà ghualainn. Thug an Gramaiche tarruinn eil’ air a’ Chròig, agus thug e ’s tigh i gus an amhach. Thug a’ Chròg tarruinn air a Ghramaiche, agus thug i ’mach e gus an teis-meadhon. Thug an Gramaiche tarruinn air a’ Chròig, agus thug e ’s tigh i thar an dà achlais. Thug a’ Chròg tarruinn air a’ Ghramaiche, agus thug i mach e gu caol na dà choise. An sin thug an Gramaiche tréun tharruinn air a’ Chròig, agus thàinig i as a’ ghualainn. Agus an uair a thuit i air an ùrlar, bha tarruinn sheachd ghearran innte. Ach chuir am Famhair mòr a bha mach a’ chròg eile ’s tigh, agus thug e leis an leanabh an currachd na cròige. Bha iad uile ro dhuilich gu ’n do chaill iad an leanabh. Ach thubhairt Fionn, “Cha ghéill sinn da so fathast. Falbhaidh mise agus mo dhaoine ’n déigh na Cròige mu ’n éirich grian air bruth am màireach.” Aig bristeadh na fàire thionn’ Fionn agus a chuid daoine mach, agus ràinig iad an cladach fàr an d’ fhàg iad an Long. Chuir iad a mach an Long, agus léum iad air bòrd innte. Chaidh an Lorgaiche do ’n toiseach, agus Fionn g’ a stiùradh. Dh’ fhalbh iad, agus bha an Lorgaiche an dràst agus a rithist a’ glaodhaich ri Fionn a cumail mar sud no’ cumail mar so. Sheòl iad air an aghaidh astar fada gun ni ’fhaicinn rompa ach a’ mhuir mhòr, Aig dol fodha na gréine thug Fionn an aire do spot dubh anns a’ chuan air thoiseach orra. Bu bheag leis mar eilean e, ’s bu mhòr leis mar èun e, ach rinn e dìreach air. ’An dorchadh na h-oidhche ràinig iad e; agus b ’e sgeir a bh’ ann, agus Caisteal tubhta le craicnibh easgann air a mullach. Chaidh iad air tìr air an sgeir. Sheall iad timchioll a’ Chaisteil, ach cha-n fhac’ iad uinneag no dorus air am faigheadh iad a ’s tigh. Mu dheireadh thug iad an aire gu ’m b’ ann [TD 14] air a mhullach a bha ’n dorus. Cha robh fhios aca ’nis ciamar a gheibheadh iad an àird, a chionn gu ’n robh an tubha cho sleamhainn. Ach ghlaodh an Streapaire, “Leigibh mise null, agus cha bhi mi fada ’g a dhìreadh.” Ghrad léum e ’dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil, agus ann an tiota bha e air a mhullach. Sheall e ’s tigh air an dorus, agus an déigh dha beachd sònraicht’ a ghabhail air gach ni a chunnaic e theirinn e fàr an robh càch a’ feitheamh. Dh’ fheòraich Fionn d’ e gu dé ’chunnaic e. Thubhairt e gu ’m fac’ e Famhair mòr ’n a laidhe air leabaidh, brat sioda thairis air agus brat sròil fodha, agus a’ chròg sìnte mach agus naoidhean ’n a chadal ’an currachd na cròige; gu ’m fac’ e dà ghiollan a’ cluich air meadhon an ùrlair le camain òir agus ball airgid; agus gu ’n robh galla mhòr mhòr mhial-choin ’n a laidhe taobh an teine, agus dà chuilean ’g a deoghal. An sin thubhairt Fionn, “Cha-n ’eil fhios cia mar a gheibh sinn a mach iad.” Fhreagair am Mèirleach agus thubhairt e, “Ma gheibh mise ’s tigh, cha bhi mi fada ’g an cur a mach.” Thubhairt an Streapaire, “Thig air mo mhuin-sa, agus bheir mise ’n àird gus an dorus thu.” Rinn am Mèirleach mar dh’ iarradh air, agus fhuair e ’s tigh do ’n Chaisteal. Ghrad thòisich e air a làmh a dhearbhadh. B’ e ’chéud ni a chuir e mach an leanabh a bha ’n currachd na cròige. Chuir e mach an sin an dà ghiollan a bha ’cluich air an ùrlar. Ghoid e ’n sin am brat sìod’ a bha thairis air an Fhamhair agus am brat sròla ’bha fodha; agus chuir e mach iad. Chuir e ’n sin a mach na camain òir, agus am ball airgid. Ghoid e ’n sin an dà chuilean a bha ’deoghal na galla taobh an teine. B’ iad sin na nithe bu luachmhoìr a chunnaic e ’s tigh. Dh’ fhàg e ’m Famhair ’n a chadal, agus thionn’ e mach. Chuir iad na nithe ’ghoid am Mèirleach anns an Luing, agus dh’ fhalbh iad. Cha robh iad ach goirid a’ seòladh an uair a dh’ éirich an Clàisteir ’n a sheasamh, agus a thubhairt e, “Is mi ’tha ’g a chluinntinn, is mi ’tha ’g a éisdeachd!” “Gu dé ’tha thu cluinntinn?” arsa Fionn. “Tha e ’n déigh dùsgaidh,” thubhairt an Clàisteir, “agus gach ni a ghoideadh uaith’ iondrainn. Tha e, ’am feirg mhòir, a’ cur air falbh na Galla, [TD 15] agus ag ràdh rithe mur falbh ise gu ’m falbh e féin. Ach is i ’Ghalla ’tha falbh.” An ùine ghoirid sheall iad as an déigh, agus chunniac iad a Ghalla ’tighinn air an t-snàmh. Bha i a’ sgoltadh na fairge air gach taobh dhi ’na sradagan dearga teine. Ghabh iad eagal, agus thubhairt iad nach robh fhios aca gu dé ’dheanadh iad. Ach smaointich Fionn, agus dh’ iarr e orra aon de na cuileinean a thilgeil a mach; theagamh an uair a chitheadh i ’n cuilean ’g a bhàthadh gu ’n tilleadh i leis. Thilg iad a mach an cuilean, agus mar thubhairt Fionn b’ fhìor. Thill i leis a’ chuilean. Dh’ fhàg so iad toilicht ’aig an àm. Ach goirid an déigh sin dh’ éirich an Clàisteir ’us e air chrith, agus thubhairt e, “Is mi ’tha ’g a chluinntinn, is mi ’tha ’g a éisdeachd!” “Gu dé ’tha thu ’g ràdh nis?” thubhairt Fionn. “Tha e’ cur air falbh na Galla rithist, agus o nach falbh ise tha e féin a’ tighinn.” Dar chual iad so bha ’n sùil as an déigh daonnan. Mu dheireadh chunnaic iad e a’ tighinn, agus cha ruigeadh an fhairge mhòr seach a mhàsan. Ghabh iad eagal agus uamhunn mhòr, agus cha robh fhios aca ciod a dheanadh iad. Ach chuimhnich Fionn air a dhéud-fios, agus air dha a mhèur a chur fo dhéud fhuair e mach nach robh bàs air an Fhamhair ach ’an aon bhall-dòbhrain a bha ’n glaic a dheàrna. Dh’ éirich an Cuspair an sin, agus thubhairt e, “Ma gheibh mise aon sealladh dh’ e bithidh e agam.” Thàinig am Famhair a’ coiseachd air aghaidh troimh ’n mhuir gu ruig taobh na Luinge. An sin thog e ’n àird a chròg a bhreith air mullach a’ chroinn chum an Long a chur fodha. Ach an uair a bha a’ chròg gu h-àrd, thug an Cuspair an aire do ’n bhall-dòbhrain, agus leig e saighead m’ a thuaiream. Bhuail an t-saighead am Famhair auns an àite-bàis, agus thuit e marbh air an loch. Bha iad ro thoilichte ’nis, oir cha robh ni tuillidh rompa a bha ’cur eagail orra. Chuir iad mu ’n cuairt, agus sheòl iad air an ais a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil. Ghoid am Mèirleach a rithist an cuilean, agus thug iad leò e maille ris an fhear a bh’ aca. An déigh sin thill iad a dh’ ionnsaidh àit an Òglaich Mhòir. [TD 16] An uair a ràinig iad an caladh léum iad air tìr agus tharruinn iad an Long a suas air talamh tioram. An sin dh’ fhalbh Fionn le teaghlach an Òglaich Mhòir agus leis gach ni a thug e féin agus a dhaoin’ as a’ Chaisteal gu tigh sgiamhach an Òglaich Mhòir. Choinnich an t-Òglach Mòr e ’tighinn agus an uair a chunnaic e a chuid cloinne chaidh e air a dhà ghlùn do Fhionn, agus thubhairt e, “Ciod a nis do dhuais?” Fhreagair Fionn agus thubhairt e nach robh e ’g iarraidh ach a roghainn de ’n dà chuilean a thug iad as a’ Chaisteal. Thubhairt an t-Òglach Mòr gu ’m faigheadh e sin agus mòran tuillidh na ’n iarradh e iad. Ach cha robh ni tuillidh a dhìth air Fionn ach an Cuilean. B’ e ’n cuilean so Bran, agus b’ e ’bhràthair a fhuair an t-Òglach Mòr an Cù Glas. Thug an t-Òglach Mòr Fionn agus a dhaoine ’s tigh d’ a thigh, agus rinn e dhoibh cuilm mhòr, ghreadhnach, aighearach a bha là ’us bliadhn’ air chumail, agus mur b’ e an latha mu dheireadh a b’ fhearr cha b’ e’ bu mhiosa. Sin mar ghleidh Fionn a chuid cloinne do dh’ Òglach Mòr na Luinge, agus mar fhuaras Bran. [TD 17-21] II. FINN’S JOURNEY TO LOCHLAN, AND HOW THE GREY DOG WAS FOUND AGAIN. [Beurla] [TD 22] [Beurla] TURUS FHINN DO LOCHLANN, AGUS MAR FHUARAS A RITHIST AN CÙ GLAS. LÀ bha Fionn agus a chuid daoin’ anns a’ Bheinn-sheilg mharbh iad dòrlach math fhiadh; agus dar bha iad a’ deanamh deas a dhol dhachaidh chunnaic iad Gille Mòr a’ tighinn fàr an robh iad. Chaidh e ’n coinneamh Fhinn, agus bheannaich e Fionn gu briosglach, brosglach, briathrach; agus bheannaich Fionn e le comain nam briathran ceudna. Dh’ fheòraich Fionn d’ e cia as a thàinig e, no gu dé ’bha e g iarraidh? Fhreagair e Fionn agus thubhairt e, “Is Gille mi a thàinig o ’n ear agus o ’n iar a dh’ iarraidh Maistir.” Thubhairt Fionn ris, “Tha Gille ’dhìth ormsa, agus ma chòrdas sinn cuiridh mi muinntireas ort. Gu dé e do dhuais aig ceann là ’us bliadhna?” “Cha mhòr sin,” ars’ an Gille. “Cha-n iarr mi ach gu ’n téid thusa, aig ceann an là agus na bliadhna, air chuireadh, air chuilm, agus air chuid oidhche còmhladh riumsa gu pàilis Righ Lochlainn; agus cha-n fhaod thu cù no duine, laogh no leanabh, arm no eascar a thabhairt leat ach thu féin.” A chur an sgeòil an giorrad chuir Fionn muinntireas air a’ Ghille, agus bha e ’n a sheirbhiseach dìleas gu ceann an là agus na bliadhna. Air madainn an là mu dheireadh d’ a ùine, dh’ fheòraich an Gille Mòr de Fhionn an robh e toilichte le ’sheirbheis? Thubhairt Fionn ris gu ’n robh làn thoilichte. “Mata,” thubhairt an Gille, “tha mi ’n dòchas gu ’m faigh mise mo dhuais, [TD 23] agus gu ’m falbh thu leam mar gheall thu.” “Gheibh thu do dhuais, agus theid mise leat,” arsa Fionn. An sin chaidh Fionn fàr an robh a chuid daoine, agus dh’ innis e dhoibh gu ’m b’ e sin an latha air am féumadh esan falbh a choimhlionadh a gheallaidh do ’n Ghille, agus nach robh fhios aige c’ uin’ a thilleadh e. “Ach,” arsa Fionn, “mar bi mis ’air m’ ais fo cheann là agus bliadhna, am fear agaibh nach bi ’géurachadh a chlaidheimh bitheadh e ’lùbadh a’ bhogha air son aon latha mòr a bhi agaibh air an Tràigh Mhòir ’an Lochlann a’ dioladh mo bhàis-sa.” ’Nuair thubhairt e so r’ a chuid daoine dh’ fhàg e beannachd aca, agus chaidh e ’s tigh d’ a bhruth. Bha ’n t-Amadan aige ’n a shuidhe taobh an teine, agus thubhairt e ris, “A dhuine bhochd, am bheil thu duilich mise ’bhi falbh?” Fhreagair an t-Amadan ’us e ’caoineadh, agus thubhairt e gu ’n robh e duilich e ’bhi falbh anns an dòigh anns an robh e ’falbh, ach gu ’n tugadh esan comhairl’ air na ’n gabhadh e i. “Gabhaidh, a dhuine bhochd,” thubhairt Fionn, “oir is minic a bha comhairl’ an righ ann an ceann an amadain. Ciod i do chomhairle?” “Tha,” thubhairt an t-Amadan, “gu ’n toir thu leat slabhraidh Bhrain ’ad phòca; agus cha chù ’s cha dhuin’ i, cha laogh ’s cha leanabh i, agus cha-n arm ’us cha-n eascar dhuit-s’ i. Ach bheir thu leat i co dhiù.” “Bheir, a dhuine bhochd,” thubhairt Fionn, “’us e ’fàgail beannachd aige ’s a falbh.” Fhuair e ’n Gille Mòr a’ feitheamh air aig an dorus. Thubhairt an Gille ris ma bha e deas gu ’m bitheadh iad a’ falbh. Thubhairt Fionn gu ’n robh e deas, agus dh’ iarr e air a’ Ghille fhéin an céum toisich a ghabhail, a chionn gu ’m b’ e a b’ eòlaich’ air an t-slighe. Dh’ fhalbh an Gille Mòr, agus lean Fionn e. Ged bha Fionn luath astarach, cha chuireadh e maide ’m pàirt a’ Ghille Mhòir air an rathad. Dar bhitheadh an Gille Mòr a’ dol as an fhradharc air an aon bhealach cha bhitheadh Fionn ach a’ tighinn ’am fradharc air an dara bearradh. Agus chum iad anns an t-suidheachadh sin d’ a cheile gus an d’ ràinig iad ceann an turuis. Chaidh iad a ’s tigh do phàilis Righ Lochlainn, agus shuidh [TD 24] Fionn a sìos gu sgìth, trom, airsnealach. Ach ’an àite cuilm a’ feitheamh air, bha maithean agus mòr uaislean Righ Lochlainn ’n an suidhe ’s tigh a’ cur an cinn ri ’chéile feuch gu dé ’m bàs tàmailteach a bheireadh iad da. Theireadh fear crochaidh sinn e, theireadh fear eile loisgidh sinn e, theireadh an treas fear bàthaidh sinn e. Mu dheireadh dh’ éirich fear a bha ’s a chuideachd ’n a sheasamh, agus thubhairt e, nach cuireadh iad gu bàs e air aon ’s am bith de na dòighean a dh’ ainmicheadh le càch. Thionndaidh na daoin’ a labhair an toiseach ris, agus dh’ fheòraich iad d’ e gu dé an dòigh a bh’ aige san air Fionn a chur gu bàs a bha ni ’bu tàmailtiche na aon air bith de na dòighean a dh’ ainmich iadsan. Fhreagair e iad agus thubhairt e riù, “Theid sinn leis, agus cuiridh sinn ’suas e do ’n Ghleann Mhòr, agus cha téid e fad’ air aghaidh an sin an uair a bhitheas e air a chur gu bàs leis a’ Chù Ghlas. Agus tha fhios agaibh-se, agus tha fhios agam-sa nach ’eil bàs eil’ air an t-saoghal a ’s tàmailtiche leis an Fhéinn na ’n Righ saoghalt’ a thuiteam le madadh coin.” An uair a chual iad breith an duine bhuail iad am basan agus dh’ aontaich iad leis ’n a bhreith. Dh’ fhalbh iad gu ’n dàil le Fionn a suas do ’n Ghleann fàr an robh an Cù Glas a’ fuireachd. Cha deachaidh iad ro fhada leis anns a’ Ghleann an uair a chual iad donnalaich a’ choin a’ tighinn. Thug iad sùil, agus dar chunnaic iad e thubhairt iad ri ’cheile gu ’n robh an t-àm aca-san a bhi ’teicheadh. Ghrad thill iad air an ais, agus dh’ fhàg iad Fionn fo mheachainn a’ choin. ’Nis b’ e ’n aon chuid do Fhionn fuireachd agus teicheadh. Na ’n teicheadh e bhitheadh e air a chur gu bàs, agus na ’m fuiricheadh e cha bhitheadh e ach air a chur gu bàs; agus bha cho math leis tuiteam leis a’ Chù agus tuiteam le naimhdean. Agus le sin dh’ fhuirich e. Bha ’n Cù Glas a’ tighinn le chraos fosgailte, agus a theanga ’mach air leth taobh a chraois. Bha gach smut a chuireadh e as a shròin a’ losgadh trì mile roimhe agus air gach taobh dh’ e. Bha Fionn ’g a’ chràthadh le teas analach a’ Choin, agus chunnaic e gu soilleir nach b’ fhada ’b’ urrainn e seasamh ris. Smaointich e ’n so ma bha féum ’an slabhraidh Bhrain [TD 25] gu ’n robh an t-àm a bhi ’g a tarrainn. Chuir e a làmh ’n a phòca; agus an uair a bha ’n Cù ’an dlùth-astar da thug e ’mach i, agus chrath e ris i. Ghrad sheas an Cù, agus thòisich e air bogadh earbaill. Thàinig e ’n sin air aghaidh fàr an robh Fionn, agus dh’ imlich e gach créuchd a bh’ air, o mhullach a chinn gu bonn a choise, gus an do leigheis e le theanga na loisg e le ’anail. Mu dheireadh spàrr Fionn slabhraidh Bhrain mu amhaich a Choin Ghlais, agus theirinn e ’s tigh an Gleann agus an Cù air lomhain aige. An iochdar a’ Ghlinne bha seann bhodach agus seann chailleach a’ fuireachd a b’ àbhaist a bhi biadhadh a’ Choin Ghlais. Bha ’Chailleach aig an dorus; agus dar chunnaic i Fionn a’ tighinn leis a’ Chù léum i ’s tigh a’ glaodhaich agus a’ bualadh a bas. Dh’ fheòraich am Bodach dhi gu dé ’chunnaic i, no gu dé ’dh’ fhairich i? Thubhairt i gu ’m fac’ i ni mòr, duine cho mòr agus cho briadh’ agus a chunnaic i riamh a’ téarnadh a ’s tigh an Gleann ’us an Cù Glas air lomhain aige. “Ged bhitheadh sluagh Lochlainn agus Eirionn cruinn” ars’ am Bodach “cha bhitheadh duine ’n am measg uil’ a b’ urrainn sin a dheanamh ach Fionn, Righ na Féinne, agus slabhraidh òir Bhrain aige.” “Ged b’ e sin féin e,” fhreagair a’ Chailleach, “tha e a’ tighinn.” “Cha-n fhada gu uair fhios,” ars’ am Bodach ’us e ’leum a mach. Ghabh e air aghaidh ’an coinneamh Fhinn, agus ann am beagan bhriathar chuir iad fàilt’ air a chéile. Dh’ innis Fionn da, bho thoiseach gu deireadh, an t-aobhar mu ’n robh e ’n sud. An sin dh’ iarr am Bodach air dol a ’s tigh gus an leigeadh e dheth a sgìos, agus gus am faigheadh e biadh agus deoch. Chaidh e ’s tigh. Dh’ innis am Bodach do ’n Chaillich an sgéul a dh’ innis Fionn da. Agus an uair a chual a’ Chailleach an sgéul chòrd e rithe cho math agus gu ’n d’ thubhairt i ri Fionn gu ’m b’ e a làn-bheatha fuireachd anns an tigh aice-se gu ceann latha ’s bliadhna. Ghabh Fionn ris a’ chuireadh gu toileach, agus dh’ fhuirich e ’n sin. An ceann latha ’s bliadhna chaidh a’ Chailleach a mach, agus sheas i air cnoc laimh ris an tigh. Bha i greis a’ sealltainn air gach ni a chitheadh i, agus ag eisdeach ris gach sian a chluinneadh i. Mu dheireadh thug i sùil a sios ris a chladach, [TD 26] agus chunnaic i sluagh anabarrach mòr ’nan seasamh air Tràigh Mhòir Lochlainn. Ghrad ruith i ’s tigh a’ bualadh a bas agus ag éigheach a creach, agus a dà shùil cho mòr ri guit leis an eagal. Léum am Bodach air a chois, agus dh’ fheòraich e dhi gu dé ’chunnaic i? Thubhairt i gu ’m fac’ i ni nach fac’ i riamh roimh’ a leithid. “Tha sluagh gun àireamh air an Tràigh Mhòir sin shìos, agus tha aon fhear claon ruadh ann, agus cha-n éil mi smaointeachadh gu ’m bheil a chéile còmhraig an nochd fo na rionnagaibh.” “Oh,” thubhairt Fionn ’us e ’léum air a chois, “sin agad cuideachdan mo ghràidh! Leig a mach mi ’n an coinneamh.” Dh’ fhalbh Fionn leis a’ Chù Ghlas a sìos a dh’ ionnsaidh na Tràghad; agus an uair a chunnaic a chuid daoin’ e ’tighinn beò slàn g’ an ionnsaidh, thog iad iolach mhòr ghàirdeachais a chualas ann an ceithir cheàrnaibh Lochlainn. An sin chuir iad féin agus an Righ Saoghalta fàilte chàirdeil air a chéile. Agus ma bha ’n fhàilt eadar iadsan agus Fionn càirdeil cha bu lugha na sin a bha ’n fhàilt eadar Bran agus an Cù Glas cairdeil, oir b’ e so a bhràthair a thugadh maille ris as a’ Chaisteal. An sin thug iad dioghailt air na Lochlannaich a chionn mar bha ìadsan ’dol a dheanamh air Fionn. Thòisich iad ann an dara ceann Lochlainn, agus cha do stad iad gus an deachaidh iad a mach air a cheann eile. An déigh dhoibh Lochlann a chur fo chìs thill iad dachaidh, agus an uair a ràinig iad Talla Fhinn rinn iad cuilm mhòr, ghreadhnach, aighearach a bha là ’us bliadhn’ air chumail. [TD 27-41] III. THE LAD OF THE SKIN COVERINGS. [Beurla] [TD 42] [Beurla] GILLE NAN COCHLA-CRAICINN. LÀ àraidh bho shean, smaointich Fionn gu ’n rachadh e ’sheilg do ’n Ghleann Gheal. Thug e leis a’ mheud d’ a dhaoin’ agus a bha aig laimh ’s an àm, agus ràinig iad an Gleann. Thòisich an fhaoghaid, agus dar bha i seachad cha-n fhaca duin’ a bha làthair a leithid de shealladh air féidh mharbh riamh roimhe. Bha e ’n a chleachdainn aig an Fhéinn, an déigh dhoibh na féidh a mharbh iad a thrusadh còmhla, suidhe sios agus an anail a leigeil. Rinneadh iad an sin na féidh ’n a measg, gach aon a toirt leis eallach bheag no mhòr mar b’ urrainn e. Ach air an latha so mharbh iad tuillidh mòr na ’b’ urrainn na bh’ aig an t-seilg a thabhairt leò. Am feadh a bha Fionn a’ smaointeachadh gu dé ’dheanadh e ris a chòr, thug e sùil, agus chunnaic e Gille Mòr a’ tighinn thar leacainn a’ mhonaidh agus a’ deanamh dìreach air an àit’ anns an robh iad cruinn, le luathas cho mòr agus nach fac’ e riamh roimhe duine cho luath ris. “Tha cuid-éiginn a’ tighinn oirnn an so,” arsa Fionn, “agus is ann roimhe ’tha ’ghnothuch, air neò tha mi air mo mhealladh.” Sheas iad uil’ ag amharc air a’ Ghille Mhòr a bha ’tighinn, ach cha b’ fhada gus an robh e ’n an teis-meadhoin. Chuir e fàilt air Fionn gu briosglach, brosglach, briathrach; agus chuir Fionn fàilt air le comain nam briathra céudna. An sin dh’ fhaighnichd Fionn d’ e cia as a thàinig e, no c’ [TD 43] àit’ an robh e ’dol, no gu dé ’bha e ’g iarraidh? Thubhairt e gu ’m b’ esan Mac Mnà Innse Uaine, agus gu ’n d’ thàinig e bho sin gu ruig so, ag iarraidh Maistir. Fhreagair Fionn, “Tha Gille ’dhìth orm-sa, agus tha mi coma ged chuireas mi muinntireas ort ma chordas sinn mu ’n duais.” “Cha b’ e sin mo chomhairle dhuit,” arsa Conan. “Is fearr dhuit-sa, a Chonain, fuireachd sàmhach, agus an aire ’thabhairt air do ghnothuch féin; agus ni mise mo ghnothuch féin,” thubhairt an Gille Mòr. Bha gach duin’ a làthair a’ gabhail ioghnaidh de dh’ éideadh a’ Ghille Mhòir, oir b’ e cochuill-chraicinn a bh’ ann. Cha bu lugha ’n t-ionganntas a ghabh iad de choltas mòr-spionnaidh a bhodhaige. Agus bha sgàth orra gu ’n cuireadh e tàmailt orra mu ’n dealaicheadh e riutha. An sin dh’ fheòraich Fionn d’ e gu dé ’n duais a bhitheadh e ’g iarraidh gu ceann là ’s bliadhna. Thubhairt an Gille Mòr nach robh e ’g iarraidh ach nach bitheadh leth-oireachas bithidh no dibhe eatarra aig a’ bhòrd a ’s tigh, no air an raon a mach, no ann an àit’ air bith anns an gabhadh iad biadh gu ceann là ’s bhadhna. “Gheibh thu sin,” thubhairt Fionn; agus chòrd iad. An sin thòisich iad air togail leò nam fiadh. Bha fear a bheireadh aon leis, agus bha fear a bheireadh dithis leis gus an robh ’n eallchan ac’ uile ach aig a’ Ghille Mhòr. Ach dh’ fhàg iad mòran tuillidh fhiadh n’ a thug iad leò. An sin dh’ iarr Fionn air a’ Ghille Mhòr eallach a thabhairt leis. Thòisich an Gille Mòr air spìonadh a chuid a b’ fhaide ’s a bu mhìn’ a chitheadh e de ’n fhraoch gus an robh dùn mòr aige laimh ris. An sin thòisich e air sìoman a dheanamh de ’n fhraoch, agus air fiadh a chur air gach fad féidh a shniamhadh e gus an robh a h-uile fiadh a dh’ fhàgadh aig’ anns an aon eallaich. An uair a bha ’n eallach deas dh’ iarr e air càch a togail air a mhuin. Thàinig iad, agus chaidh uibhir agus a b’ urrainn iathadh mu ’n cuairt do ’n eallaich m’ a timchioll; ach ged bhitheadh urad agus urad eile de ’n Fhéinn cruinn agus a bh’ ann air an là sin, cha chuireadh iad gaoth eadar i agus talamh. An uair a chunnaic an Gille Mòr so, dh’ iarr e orra seasamh as an rathad air. Rug e ’n sin air an t-sìoman agus chuir e car d’ a cheann m’ a dhòrn, lùb e ’dhruim, chuir e bailc air a [TD 44] chois, agus thilg e ’n eallach thar a ghualainn. Choimhead gach aon de ’n Fhéinn air a chéile, ach cha d’ thubhairt iad facal. An uair a fhuair an Gille Mòr an eallach socrach air a mhuin thubhairt e, “Cha-n ’eil annam-sa ach coigreach anns an àite so; uime sin rachadh fear agaibh fhéin air thoiseach a dheanamh an rathaid domh.” Choimhead gach aon air a chéile feuch cò rachadh ann. Mu dheireadh fhreagair Conan gu ’n rachadh esan ann, na ’n giùlaineadh càch na féidh aige dhachaidh. Thubhairt Fionn gu ’n rachadh na féidh aig’ a ghiùlan dachaidh na ’n gabhadh esan an céum toisich. Thilg Conan dheth na féidh, agus léum e air thoiseach air a’ Ghille Mhòr, agus dh’ iarr e air esan a leantainn. Dh’ fhalbh Conan cho luath agus a b’ urrainn e, agus dh’ fhalbh an Gille Mòr as a dhéigh. Bha dà ionga mhòr air dà òrdaig mhòir a’ Ghille Mhòir, agus cha deachaidh iad ach goirid gus nach d’ fhàg e rioba craicinn air cùlaobh Chonain, eadar mullach an dà shlinnein agus cùl an dà chois, leis an dà ionga mhòir a bh’ air a chasaibh. Mu dheireadh thòisich Conan air call astair, oir bha e fàs lag le call fala; agus an ùine ghoirid b’ eiginn da stad agus suidhe fàr an robh e. An uair a chunnaic an Gille Mòr gu ’n do ghéill Conan chaidh e seachad air, agus stad cha d’ rinn e gus an do leig e as an eallach aig bruth Fhinn. An sin léum e ’s tigh agus chuir e air teine. Bhruich e biadh do gach duin’ a bh’ aig an t seilg, agus chuir e biadh gach duin’ air leth ach a bhiadh féin agus biadh Fhinn. Thàinig an Fhéinn dachaidh mu dheireadh, agus an uair a chaidh iad a ’s tigh ghabh iad ioghnadh mòr am biadh fhaicinn deas rompa. Ach cha do ghabh iad dad orra. An déigh na suipeireach chuir an Fhéinn fios air Fionn, agus labhair Conan agus thubhairt e, “Nach d’ innis mise dhuit gu ’m faigheadh mid ar tàmailteachadh leis a’ Ghille air an do chuir thu muinntireas? Cha-n ’eil a choimeas an neart anns an Fhéinn. Féumaidh tu a chur as an rathad oirnne gus am bi ’n ùin’ aige mach.” “Mata,” thubhairt Fionn, “cha-n ’eil fhios agam-sa gu dé ’ni mi ris mur cuir mi air falbh e do Lochlann a dh’ iarraidh a’ Chupain Cheathraraich, agus tha astar latha ’s [TD 45] bliadhn’ aig’ an sin air fheothas ’g an coisich e.” Bha iad uile làn thoilichte le so, agus thubhairt iad ris a chur air falbh cho luath ’s a b’ urrainn e. Fhreagair Fionn agus thubhairt e, “Mu ’n éirich grian air bruth gheibh e cead siubhal air an astar.” Chuir e fios gun dàil air Gille nan Cochla-Craicinn, agus thubhairt e ris gu ’n robh e duilich leis iarraidh air dol air an turus fhada so, ach gu ’n robh e ’n dòchas nach diùltadh e falbh. Dh’ fheòraich an Gille Mòr ciod an t-saothair air an robh e ’g a chur, no ceana bh’ aige ri dol? Thubhairt Fionn gu ’n d’ fhuair e fios a Lochlann gu ’m faigheadh e ’n Cupan Ceathraraich na ’n cuireadh e duin’ air a shon. “Chuir mise fios g’ an ionnsaidh iad a thighinn ’n ar coinneamh leis, agus gu ’n rachadh sinne ’n an coinneamh-san. Tha mi toileach gu ’m falbh thusa g’ a iarraidh am màireach, agus tha fhios agam gu ’n tachair iad ort a’ tighinn leis.” “Mata, Fhinn,” ars’ an Gille Mòr, “tha fhios agus cinnt agad nach tachair iad orm leis, oir is lìonmhor laoch a dhòirt fhuil air an raon fo shleaghaibh Lochlainn air tàilleabh a’ Chupain Cheathraraich a th’ aca bho cheann ceithir bliadhna fichead, agus nach d’ fhuair thu fhathast. Cia mar a nis, a tha thu ’smaointeachadh, Fhinn, gu ’n tabhair mise mach leam féin e? Ach o ’n gheall mi gu ’n deanainn an rud a dh’ iarradh tu orm falbhaidh mi g’ a shireadh dhuit.” Mu ’n do shoillsich grian air an ath mhadainn bha ’n Gille Mòr deas airson an astair. An sin thog e ’chochaill-chraicinn féin air agus shìn e air falbh; agus gaoth luath a’ Mhàirt a bh’ air thoiseach air bheireadh e oirre, agus gaoth luath a’ Mhàirt a bh’ air dheireadh air cha chumadh i ris. Aig an t-siubhal sin air aghaidh dha cha do leig e’n spéid a fhaoghaid gus an do bhuail e ’bhas ri crann aig pàilis Righ Lochlainn an oidhche sin. Bha pàilis Righ Lochlainn air a gleidheadh le seachd gèairrd. Bhuail an Gille Mòr aig a’ chéud ghèarrd, agus dh’ fheòraich a’ cheud ghèarrd d’ e Cia as a bha e, no ceana ’bha e dol? Fhreagair e gu ’m bu ghill’ e a thàinig o Fhionn, Righ na’ Féinne, air ghnothuch gu Righ Lochlainn. Chaidh fios a dh’ ionnsaidh an Righ gu ’n robh a’ leithid do dhuin’ aig an dorus. [TD 46] Dh’ fheòraich an Righ an robh duine leis ach e féin. Thubhairt an Gille-freasdail nach robh. An sin dh’ iarr an Righ a leigeil a ’s tigh. Chaidh a’ chéud ghèarrd fhosgladh dha agus fhuair e s’ tigh, agus mar sin gach gèarrd gus an d’ fhuair e tromh na seachd gèairrd. Chaidh a thabhairt a ’s tigh do ’n àite fàr an robh an Righ, agus dh’ iarr an Righ air suidh’ a dheanamh. Rinn an Gille Mòr suidhe, oir bha e sgìth an déigh an astair a rinn e. Thug e sùil air feadh an t-seòmair, agus thug e ’n aire do chupa cho briadh’ agus a chunnaic e riamh ’n a sheasamh air bòrd. Thubhairt e ri Righ Lochlainn, “Is briadh’ an soitheach a th’ agad an sin.” Thubhairt an Righ gu ’m b’ e sin a bh’ ann, agus cupa buadhach cuideachd. Dh’ fheòraich an Gille Mòr gu dé na buadhan a bh’ air? Fhreagair an Righ nach robh làn a dh’ òrduicheadh e ’bhi ann nach bitheadh ann air ball. Smaointich an Gille Mòr agus e pàiteach an déigh an astair a rinn e gu ’m bu mhath a làn de dh’ uisg’ air a’ bhòrd. An sin dh’ éirich e agus rug e air a’ chupa, agus dh’ òl e na bh’ ann. Thug e ’n sin ’aghaidh air an dorus; agus ma dh’ iarr e fosgladh a ’s tigh cha d’ iarr e fosgladh a mach, oir léum e thar nan seachd gèairrd agus an cup’ aige leis. An sin thog e ’chochaill-chraicinn féin air, agus shìn e as air an t-sligh’ air an d’ thàinig e; agus gaoth luath a’ Mhàirt a bh’ air thoiseach air bheireadh e oirre, agus gaoth luath a’ Mhàirt a bh’ air dheireadh air cha chumadh i ris. Air an t-siubhal sin air aghaidh dha cha do leig e spéid a fhaoghaid gus an do bhuail e ’bhas ri crann aig bruth Fhinn air an oidhche sin. Chaidh e ’s tigh agus shìn e ’n cupa do Fhionn. “Cha robh thu fada,” thubhairt Fionn. “Nach d’ innis mise dhuit mu ’n d’ fhalbh thu gu ’n tachradh iad ort a’ tighinn leis?” Fhreagair an Gille Mòr, “Tha fhios agus cinnt agad, Fhinn, nach do thachair iad orm a’ tighinn leis. Ach ràinig mise Lochlann, agus fhuair mi ’n cupa ’m pàilis an Righ, agus rinn mi ’n t-astar air ais agus air aghaidh.” “Uist! a ghlagaire,” thubhairt Conan ’us e ’freagairt. “Tha feadhainn anns an Fhéinn a ruitheas cho math riut-sa air sliabh beinne no air srath glinne, agus cha deanadh iad an t-astar ’an dùbladh na h-ùin’ a tha thusa ’g ràdh anns an d’ rinn thu e. [TD 47] Ach thig a ghearradh léum còmhla rium-sa gu ruig an Lochan Uain’ aig bun Beinn Éudain, agus aithnichidh mis’ an d’ rinn thu ’n t-astar.” “Ù! ’Chonain, is féumaiche mis’ air biadh agus lochdan cadail fhaotainn na falbh a ghearradh léum còmhla riut-sa.” “Mur téid thu ann cha chreid sinn gu ’n d’ rinn thu ’n t-astar,” arsa Conan. Dh’ éirich an Gille Mòr agus dh’ fhalbh e leis, agus ràinig iad an Lochan Uaine. Dh’ iarr Conan air a’ Ghille Mhòr léum a ghearradh thar an Lochain. “Is tusa ’thug mise an so agus tha mise sgìth,” ars’ an Gille Mòr; “uime sin gearr féin a’ chéud léum.” Ghabh Conan roid, agus ghearr e léum, ach chaidh e fodha gu ruig ubhal na dà chruachain anns a’ bhoga duillich air taobh eile ’n Lochain. Ghearr an Gille Mòr a léum gun roid idir, agus chaidh e thar ceann Chonain air a’ chruaidh air taobh eil’ an Lochain. Léum e ’n sin air ais e ’n comhair a chùil agus air aghaidh an comhair a bheòil mu ’n d’ fhuair Conan a leth deiridh as an dìg. Dar fhuair Conan a chasan air a chruaidh thubhairt e gu ’n d’ fhàilnich am freumh fo ’bhuinn; agus gu ’n deach e fodha! “Ach falbh a chuir réis comhla rium-sa gu mullach Beinn Éudain, agus aithnichidh mise ma rinn thu ’n t-astar.” “A Chonain, is féumaiche mis’ air lochdan cadail na air dol a chur réis còmhla riut-sa gu mullach Beinn Éudain.” Ach co dhiù dh’ fhalbh e. Air sith no dhà chaidh an Gille Mòr seachad air Conan, agus cha tug e sùil tuillidh as a dhéigh gus an robh e air mullach na Beinne. Shìn e ’n sin e féin air toman gorm, agus chaidil e. Cha robh fhios aige gu dé cho fada ’sa chaidil e, ach b’ e àinich Chonain a’ dìreadh na Beinne ’dhùisg e. Ghrad léum e air a bhuinn agus thubhairt e, “An d’ rinn mi ’n t-astar a nis, a Chonain?” “Thig a ghleachd còmhla riumsa, agus aithnichidh mis’ an d’ rinn thu an t-astar.” Chaidh iad ’an dromannan a chéile. Dh’ iarr Conan air a’ Ghille Mhòr a char a chur. “Cuir thusa do char an toiseach, a Chonain; oir is tu ’dh’ iarr tòiseachadh.” Dh’ fheuch Conan a char a chur, ach cha d’ thug e glidneachadh air a’ Ghille Mhòr. An sin lùb an Gille Mòr e féin thairis, agus le chudrom leag e Conan, agus cheangail e a thrì caoil còmhla le éill ioscaide. [TD 48] An so ghabh an Gille Mòr e ’na thàmailt gu ’n robh an aon duine ’bu leibidich’ a bh’ anns an Fhéinn ri tàir agus ri munganachd air, agus thug e bòid nach tilleadh e ri Fionn tuillidh. Dh’ fhalbh e, agus dh’ fhàg e Conan ceangailt’ air mullach na Beinne. Bha ’n oidhch’ a’ tighinn, agus bha Fionn a’ gabhail ioghnaidh nach robh ’n dithis a dh’ fhalbh a’ tighinn. Mu dheireadh bhuail an t-eagal e gu ’n do mharbh an Gille Mòr Conan, agus uime sin thubhairt e r’ a dhaoine gu ’m féumadh iad falbh g’ an iarraidh. Mu ’n d’ éirich grian air an ath mhadainn rinn e ’dhaoine ’n am buidhnibh, agus chuir e buidheann do gach oisinn de ’n Bheinn, agus dh’ iarr e orra siubhal gus an coinnicheadh iad uil’ air mullach na Beinne. Mu fheasgar an latha choinnich iad a chéile, agus fhuair iad Conan ceangailt’ air a thrì chaoil ann an aon éill. Dh’ iarr Fionn air aon d’ a dhaoine dol a null agus Conan fhuasgladh. Dh’ fhalbh Oscar, agus thug e ùine mhòr a’ feuchainn ri sin a dheanamh, ach an àite gach snaim a dh’ fhosgladh e rachadh seachd snaimean eil’ air an éill. Mu dheireadh thubhairt e ri Fionn, “Cha-n urrainn mis’ an iall so fhosgladh!” An sin léum Goll a null, agus e ’smaointeachadh gu ’n deanadh esan ni’ b’ fhearr. Thòisich e air fosgladh na h-éille, ach mar thachair do dh’ Oscar dh’ fhairslich i air. Mur robh i ni’ bu teinne dar sguir e dh’ i cha robh i dad ni ’bu laise. Mu dheireadh thog e a cheann le féirg agus thubhairt e, “Cha-n ’eil duine ’s an Fhéinn a ’s urrainn Conan fhuasgladh.” Ghabh Fionn a nis eagal gu ’m bitheadh Conan marbh mu ’m faigheadh iad fhuasgladh. Ach chuimhnich e air a dhéud-fios, agus air dha a mhèur a chur fodha fhuair e mach nach robh duin’ air an t-saoghal a b’ urrainn Conan fhuasgladh ach Gobhainn a’ Ghlinne Ghil air neò am fear a cheangail e. An sin chuir e Goll agus Oscar air falbh a dh’ innseadh do ’n Ghobhainn mar thachair do Chonan. Ràinig iad an Gobhainn agus dh’ innis iad da ’n t-saothair air an robh iad. Thubhairt an Gobhainn riù iad a chruinneachadh a h-uile ceithir-chasach a bha eadar cùl Beinn Éudainn agus bràigh a’ Ghlinne Ghil, agus an cur seachad air dorus na ceàrdaich aige-san. “Agus” (ars’ e) “ma thig mis’ [TD 49] an sin a mach le sìth is math mo shìth, ach ma thig mi mach le feirg is olc m’ fhearg.” An sin thill Oscar agus Goll air an ais a dh’ ionnsaidh Fhinn, agus dh’ innis iad da ciod a thubhairt an Gobhainn riù. Thubhairt Fionn gu ’m féumadh an fhaoghaid a bhi air a gluasad. Chaidh an fhaoghaid a ghluasad, agus b’ i sin Faoghaid Mhòr a’ Ghlinne Ghil. O’n ghluaiseadh a’ chéud fhaoghaid cha robh riamh roimh’ a leithid do bheathaichean ceithir-chasach cruinn agus a bh’ ann air an là sin. An sin chuir iad seachad iad air dorus na ceàrdaich. Thàinig an Gobhainn a mach agus dh’ fheòraich e dhiù gu dé ’bha sud? Fhreagair iad gu ’n robh a h-uile ceithir-chasach eadar cùl Beinn Éudainn, agus bràigh a’ Ghlinne Ghil mar dh’ iarr e. Thubhairt an Gobhainn, “Rinn sibh glé mhath, ach tilleadh gach créutair dhiù sin air an ais do ’n àit’ as an d’ thug sibh iad, agus falbhaidh mis’ an sin a dh’ fhuasgladh Chonain.” Rinn iad sin, agus dh’ fhalbh an Gobhainn gu mullach Beinn Éudainn, agus dh’ fhuasgail e Conan. An uair a fhuair Conan fuasgailte bha tàmailt cho mòr air airson mar dh’ éirich dha, agus gu ’n do tharrainn e leis a’ Bheinn cho luath agus a b’ urrainn e, agus nach d’ thug e sùil as a dhéigh gus an deachaidh e mach air an loch gu ruig an amhaich. As a sin cha d’ thigeadh e airson Fhinn no airson duin’ a bh’ anns an Fhéinn. Ach bha ’n làn a’ dìreadh aig an àm, agus an uair a thòisich an t-uisg’ air dol ’n a bhéul smaointich e gu ’m b’ fhearr dha dol air tìr, agus falbh dhachaidh an déigh chàich. Air feasgar àraidh an déigh sin, an uair a bha Fionn agus a dhaoin’ a’ tighinn dachaidh as a’ Bheinn-Sheilg chunnaic iad Gille ’tighinn ’n an coinneamh. Ghabh e fàr an robh Fionn, agus thubhairt e ris gu ’n robh esan air a chur o Bhanrigh na Ruaidh gu Fionn, Righ na Féinne, agus gu ’n robh e ’cur mar chroisean agus mar gheasan agus mar sheachd buaraichean sìthde siùbhle ’s seacharain air nach stadadh e agus nach gabhadh e fois gus an ruigeadh e ’n t-àit’ aig Ban righ na Ruaidh. Air dha so a ràdh thionndaigh e cùl a chinn riù, agus dh’ fhalbh e, agus cha robh an ath shealladh aca dh’ e. Sheall an Fhéinn air a chéile, oir smaointich iad gu ’n robh [TD 50] droch rud ri éirigh do Fhionn, a chionn nach d’ iarradh air duine falbh ach air féin. Thubhairt iad ris gu ’n robh iad duilich gu ’n robh e falbh ’n a ònar agus gun fhios aca c’ uin’ a thigeadh e no c’ àit’ an rachadh iad g’ a iarraidh. Ach thubhairt Fionn riù gun iad a bhi ’n iomagain m’ a thighinn gu ceann là agus bliadhna. As an t-seasamh sin dh’ fhalbh e le chuid ’armachd air. Shiubhail e air aghaidh cian fhada agus làn fhada thar bheann ’us ghleann ’us mhullaichean, agus stad cha deachaidh air a chois gus an d’ thàinig e ’m fradhare Innse Uaine. An sin chunnaic e duine agus e ’dol a thogail eallach luachrach air a mhuin. ’N uair ’chunnaic e ’n duin’ a tilgeil na h-eallaich thar a ghualainn smaointich e gu ’m b’ e Gille nan Cochla-Craicinn a bh’ ann. Thòisich e air falach-talmhainn a dheanamh air gus an d’fhuair e dlùth dha. An sin leig e ris e féin da, agus an uair a choimhead am fear a bh’ ann air anns an aodann dh’ aithnich e gu ’m b’ e Gille nan Cochla-Craicinn a bh’ aige. Léum e le sùrdaig chabhaig fàr an robh e, agus rug e air eadar a dhà laimh, agus thubhairt e, “A ghràidh a dh’ fhir an t-saoghail! an tu ’th’ ann?” Fhreagair an Gille Mòr agus thubhairt e, “Na ’m bu mhi do ghràdh a dh’ fhir an t-saoghail cha bhitheadh an aon duine cho leibideach agus a bh’ agad anns an Fhéinn ri munganachd agus ri bùirt mhagaidh orm.” “Mata,” thubhairt Fionn, “bha mise glé dhuilich, ach cha robh comas agam air. Bha eagal orm gu ’n éireadh na daoin’ ann am aghaidh, agus gu ’n rachadh iad air aimhreith; uime sin leig mi le Conan a bhi na bheachd féin. Ach bha fhios agam-sa gu ’n d’ rinn thu ’n t-astar, agus bithidh sinn ’n ar càirdean d’ a chéile cho math ’s a bha sinn roimhe. An téid thu air an turus bheag so fathast leam?” “Mata,” thubhairt an Gille Mòr, “cha-n ’eil fhios agam-sa. Seall a sios anns a’ ghlaic ud fodhainn, agus chi thu mo mhàthair air a dà ghlùn a’ buain luachrach agus car d’ a cìch dheis thar a gualainn chèarr. Ma gheibh thu greim air ceann na cìche na leig as e gus am faigh thu ’chéud achain uaipe.” Dh’ fhalbh Fionn greis air a mhàgan agus greis eile ’g a shlaodadh féin air a bhroinn gus an d’ fhuair e ’n astar léum a thabhairt. An sin thug e léum, agus fhuair e greim air ceann na cìche. Ghlaodh Bean Innse Uaine cò bha ’n sin? Fhreag- [TD 51] air esan gu ’n robh Fionn, Righ na Féinne ’g iarraidh a’ chéud achain oirre. Thubhairt ise gu dé ’n achain a shireadh e nach faigheadh e. Thubhairt esan, “Leig le d’ mhac dol air an aon turus bheag so fathast leam.” Thubhairt a’ Bhean, “Nan robh fhios agam-sa gu ’m b’ e sin a bha thu ’g iarraidh cha-n fhaigheadh tu e ged bheireadh tu ’chìoch o ’n bhroilleach agam, ach o ’n thubhairt mi e gheibh thu e. Ach bithidh aon ghealladh agam uait mu ’m falbh thu, agus is e sin gu ’n toir thu dhachaidh do m’ ionnsaidh e féin agus na thuiteas cuide ris.” “Tha mi ’n dòchas nach bi a ’chùis mar sin, agus gu ’n tig e dhachaidh slàn.” “Ma thig cha mhath a dh’ éireas dhuit-sa, Fhinn. Ach cò dhiù bitheadh a falbh air ar turus.” An sin dh’ fhalbh Fionn agus an Gille Mòr air an turus, a’ dìreadh chnoc ’us a’ tearnadh ghlac, a’ siubhal thar bheann ’us ghleann ’us thulaichean, gus an robh glòmain na h-oidhch’ a tighinn orra. Bha iad a’ fàs sgìth agus bha toil aca àit-éiginn a ruigheachd fàr am faigheadh iad fois a ghabhail. Cha robh iad ach goirid a’ siubhal an déigh sin ’n uair a chunnaic iad àit anabarrach briadh’ air thoiseach orra le tighean mòra briadha air an togail air dailtean mòra gorma. Thubhairt Fionn ris a’ Ghille Mhòr, “Gabhadh mid misneach, oir cha-n ’eil sinn fada bho thighean.” Goirid an déigh sin ràinig iad an t-àit e. Chunnaic Fionn duin’ a’ tighinn ’n an coinneamh, agus dh’ aithnich e gu ’m b’ e a’ cheart Ghille ’thàinig leis an fhios g’ a ionnsaidh a bh’ ann. Dh’ fheòraich e dh’ e gu dé ’m féum a bh’ aig’ air a nis? Fhreagair an Gille agus thubhairt e gu ’n robh dà thigh mhòr m’ a choinneamh, aon diù le ursannan òir agus dorsan òir air, agus an aon eile le ursannan airgid agus dorsan airgid air, gu ’n robh e ri ’roghainn diù a ghabhail gu fuireachd ann, agus an uair a rachadh e ’s tigh gu ’m faiceadh e gu dé ’bh’ aige ri ’dheanamh ann. Air do ’n Ghille so a ràdh thionndaidh e air falbh uapa agus dh’ fhàg e iad fàr an robh iad ’n an seasamh. Choimhead Fionn ’an aodann a’ Ghille Mhòir, agus thubhairt e ris, “Cia am fear de na tighean so a ghabhas sinn gu fuireachd ann?” Thubhairt an Gille Mòr, “Bithidh am fear a ’s urramaich’ againn: gabhaidh sinn fear nan dorsan òir.” [TD 52] Ghabh iad a null a dh’ ionnsaidh an doruis. Rug an Gille Mòr air a’ chrann, agus dh’ fhosgail e ’n dorus. An sin chaidh iad a ’s tigh. ’N uair a choimhead iad bha seallamh mòr air thoiseach orra, ach cha do smaointich an Gille Mòr dad d’ e. Bha ochd agus ochd fichead déug amhasg ’n an seasamh air an ùrlar. ’N uair a fhuair iad Fionn agus an Gille Mòr air taobh a ’s tigh an doruis léum iad, agus dhùin iad e; agus chuir iad ochd agus ochd fichead déug crann air. Dh’ fhalbh an Gille Mòr agus chuir e aon chrann mòr air, agus leis cho teann agus a chuir e ’n crann air thuit a h-uile crann a chuir iadsan air dheth. An sin rinn na h-Amhaisg ochd agus ochd fichead déug gàire, agus rinn an Gille Mòr aon ghlag mòr gàire, agus bhodhair e na rinn iadsan uile. An sin thubhairt na h-Amhaisg, “Gu dé e fàth do ghàire, ’fhir bhig?” Dh’ fheòraich an Gille Mòr, “Gu dé e fàth bhur gàire féin, a dhaoine mòra gu léir?” Thubhairt iadsan, “Is e fàth ar gàire-ne gur bòidheach an ceann gaganach buidh’ a th’ ort gu bhi ’n a bhall iomaineach air an tràigh ud a mach am màireach.” “Mata,” thubhairt an Gille Mòr, “is e fàth mo ghàire-sa gu ’m beir mi air an fhear a ’s mò ceann agus a ’s caoile casan agaibh, agus gu ’n spad mi càch uile leis.” An sin chunnaic e fear agus ceann mòr air, agus rug e air chaol dà chois’ air, agus thòisich e anns an dara ceann ’g an spadadh, agus cha do stad e gus an deachaidh e mach aig a’ cheann eile dhiù. ’N uair ’bha e deas cha robh aig’ ach na bha ’n a dhà dhòrn de na casaibh. Chuir e féin agus Fionn a mach na cuirp agus rinn iad trì dùin diù aig an dorus. Dhùin iad a’ sin an dorus, agus rinn iad deas biadh, oir bha pailteas dh’ e ’s tigh. An déigh dhoibh am biadh a ghabhail dh’ fheòraich an Gille Mòr de Fhionn, “Cia dhiù a chaidleas tu no ’dh’ fhaireas tu ’n dorus?” Fhreagair Fionn, “Caidil thusa agus fairidh mis’ an dorus.” Agus mar sin rinn iad. Ach mu ’n do chaidil an Gille Mòr dh’ fheòraich Fionn d’ e, “Ciod leis an dùisg mi thu ma thig éiginn orm anns an dorus?” “Buail an carragh cloiche ’tha cùl an téin’ orm ann an carraig an uchd, air neò thoir lèud d’ òrdaig’ a mullach mo chinn leis a’ bhiodaig.” “Ro cheart,” thubhairt Fionn, “caidil air d’ aghaidh.” Bha Fionn a’ faireadh an doruis, ach ré ùin’ fhada cha robh [TD 53] e ’faireachadh dad a’ tighinn. Mu bhristeadh na fàire dh’ fhairich e còmhradh dheich céud a’ tighinn chum an doruis. Thog e ’n carragh cloiche, agus bhuail e ’n Gille Mòr leis anns an uchd. Ghrad léum an Gille Mòr air a chois, agus dh’ fheòraich e de Fhionn gu dé a dh’ fhairich e? “Tha còmhradh dheich céud anns an dorus,” thubhairt Fionn. “Tha sin ceart fathast,” ars’ an Gille Mòr, “leig thusa ’mach mise.” Chaidh an Gille Mòr a mach ’n an coinneamh, thòisich e ’s an dara ceann diù, thug e ruathar fòpa ’s tharta, agus cha d’ fhàg e duin’ a dh’ innseadh an tuairisgéil beò dhiù ach aon fhear air leth-shùil, air leth chluais, air leth laimh ’us air leth chois, agus leig e ’shiubhal dha. An sin thrus e féin agus Fionn na cuirp, agus chuir iad anns na trì dùin iad còmhla ri càch. An sin chaidh iad a ’s tigh, agus dh’ fheith iad gus an d’ thàinig an ath oidhche. An déigh na suipearach dh’ fheòraich an Gille Mòr de Fhionn, “Co ac’ a chaidleas tu, n’ a dh’ fhaireas tu ’nochd?” Thubhairt Fionn “Caidil thusa agus fairidh mise.” Chaidh an Gille Mòr a chadal, agus bha Fionn a’ faireadh an doruis. Tacan romh éiridh na gréine dh’ fhairich Fionn còmhradh dhà mhile ’tighinn, airneò Mac Righ an t-Soluis ’n a ònar. Léum e, agus thug e lèud aghaidh òrdaig’ a mullach cinn a’ Ghille Mhòir leis a’ bhiodaig. Ghrad léum an Gille Mòr air a bhuinn, agus dh’ fheòraich e de Fhionn gu dé a dh’ fhairich e? Fhreagair Fionn, “Tha còmhradh dhà mhile ’s an dorus, airneò Mac Righ an t-Soluis ’n a Ònar.” “Ù! mata, tha mise creidsinn gu ’m féum thusa ’bhi cho math ’s do ghealladh do m’ mhàthair,” ars’ an Gille Mòr. “Ach leig thusa mach mise.” Dh’ fhosgail Fionn an dorus, chaidh an Gille Mòr a mach, agus b’ e Mac Righ an t-Soluis a bha roimhe. An sin chaidh an dà churaidh ’an dromannan a chéile, agus ghleachd iad o éirigh gu ruig laidhe gréine, ach cha do leag an dara fear am fear eile, agus cha do labhair an dara fear ris an fhear eile ré na h-ùine. Leig iad as a chéile, agus ghabh gach fear dhiù a rathad féin. Moch air an ath mhadainn, romh éirigh na gréine, chaidh an Gille Mòr a mach, agus choinnich a chompanach e. Ghleac iad o éirigh gu laidhe gréine, ach cha do leag an dara fear am fear eile, agus cha do labhair an [TD 54] dara fear ris an fhear eile. Leig iad as a chéile, agus ghabh gach aon diù a rathad féin. An treas là choinnich na laoich, agus chaidh iad ’an dromannan a chéile. Ghleac iad ré ’n là gu dorchadh nan tràth, agus thuit an dithis taobh ri taobh fuar marbh air a bhlàr. Bha Fionn fuathasach duilich airson a’ Ghille Mhòir. Ach chuimhnich e air a ghealladh da mhàthair agus thubhairt e ris féin gu ’m féumadh e ’bhi air a choimh-ghealladh. Thug e mach am brat sìod’ a bha thairis orra fàr an robh iad ’n an cadal, rol e mu ’n cuairt air an dà chorp e, agus thug e leis air a mhuin iad. Tharrainn e le céum cruaidh thar bheann ’us ghleann ’us thulaichean, a’ dìreadh chnoc ’us a’ tèarnadh ghlac, agus stad no tàmh cha d’ rinn e gus an d’ ràinig e tigh Innse Uaine. Choinnich Màthair a’ Ghille Mhòir e aig an dorus, agus thubhairt i ris, “An d’ thàinig thu?” Fhreagair Fionn gu ’n d’ thàinig ach nach b’ ann mar bu mhath leis. Thubhairt ise ris, “An d’ rinn thu mar dh’ iarr mis’ ort?” Thubhairt Fionn, “Rinn, ach is duilich leam gu ’n robh e agam r’ a dheanamh.” Thubhairt ise, “Tha na h-uile ni ceart. Thig a ’s tigh.” Chaidh Fionn a ’s tigh, agus leig e ’n eallach air an ùrlar. Dh’ fhuasgail e ’m brat, agus bha ’n dà ghille mar thuit iad glaist’ ’an làmhan a chéile. An uair a chunnaic Bean Innse Uaine an dà ghile rinn i fèith-ghàire, agus thubhairt i, “A ghràidh Fhinn, is math dhomh-sa gu ’n deachaidh tu air an turus so.” Dh’ fhalbh i null do chùil, agus thog i leac a bh’ air an ùrlar agus thug i mach soitheach beag iocshlaint a bh’ aice ’n sin. Chuir i ’n dà ghille béul ri béul, aghaidh ri aghaidh, glùn ri glùn, òrdag ri ordaig, agus shuaith i ’n iocshlaint ri bonnaibh an cas, ri mullach an cinn, agus ri h-uile crioman a bha beanachd r’ a chéile d’ an craicionn. Dh’ éirich an dà ghill’ air an ùrlar a’ pògadh a chéile. “’Nis, Fhinn,” thubhairt i, “sin agad mo dhà mhac-sa. Chaidh am fear so ’ghoid uam ’n a naoidhean, agus bha e ’g am dhìth gus a so. Ach o ’n rinn thusa mar dh’ iarr mis’ ort, is e do bheatha fuireachd an so cho fad’ agus a thogras thu.” Bha iad cho sunntach’ an tigh Innse Uaine, ’us gu ’n deachaidh an ùine seachad gun fhios doibh. Air oidhch’ [TD 55] àraidh thubhairt Bean Innse Uaine ri Fionn, “Bithidh là ’s bliadhn’ am màireach o ’n dh’ fhàg thusa ’n Fhéinn, agus tha iad an déigh dùil a thabhairt dìot. Am fear aca nach’ eil a’ géurachadh a chlaidheimh tha e a rinneadh a shleagha ’nochd airson falbh g’ ad iarraidh. Dean deas airson falbh am màireach, agus leigidh mise mo mhac leat. Oir ma ruigeas tu leat fhéin, ni iad a’ leithid de dh’ othail riut ’us gu ’m mùch agus gu ’m marbh iad thu. Ach an uair a ruigeas sibh theid mo mhac-sa ’s tigh air thoiseach ort, agus their e riutha ma gheallas iad dha-san gu ’n éirich fear an déigh fir aca a chur fàilte shocrach, chiallach ort, gu ’n d’ thoir esan thu slàn fallainn dhachaidh g’ an ionnsaidh.” Dh’ aontaich Fionn ri so le uile chridhe, agus dh’ fhalbh e féin agus an Gille Mòr air an turus dhachaidh air madainn an ath latha. Bha astar mòr aca ri ’dhol, ach cha robh iad fada ’g a dheanamh. An uair a ràinig iad Talla Fhinn chaidh an Gille Mòr a ’s tigh air thoiseach, agus mar thubhairt a mhàthair b’ fhìor. Bha gach fear a’ cur an òrdugh a chlaidheimh agus a shleagha. Dh’ fheòraich an Gille Mòr dhiù gu dé a bha iad a’ deanamh? Dh’ innis iad sin da, ’am briathran goirid. An sin thubhairt an Gille Mòr riù a’ ni a dh’ iarr a mhàthair air a ràdh. Dh’ aontaich iad gu toileach sin a dheanamh. Ghlaoth e’ n sin air Fionn tighinn a ’s tigh. Thàinig Fionn, agus dh’ éirich fear an déigh fir mar gheall iad. Fhuair iad an Righ saoghalt’ air ais aon uair eile. Thill an Gille Mòr dhachaidh, agus mar do chaochail e bho sin tha e beò fhathast. [TD 56-63] IV. HOW FINN WAS IN THE HOUSE OF BLAR-BUIE (YELLOW-FIELD), WITHOUT THE POWER OF RISING UP OR OF LYING DOWN. [Beurla] [TD 64] [Beurla] MAR BHA FIONN ’AN TIGH A’ BHLÀIR-BHUIDHE GUN CHOMAS ÉIRIDH NO LUIDHE. LÀ bha Fionn agus a dhaoin’ anns a’ Bheinn-Sheilg rinn iad mòran siubhail mu ’n d’ amais iad air na féidh, ach mu ’n d’ thàinig deireadh an là mharbh iad dòrlach math dhiù. Shuidh iad an sin a sìos a chur seachad an sgìos, agus a chur an comhairle r’ a chéile féuch gu dé ’n taobh a ghabhadh iad air an ath latha. Am feadh a bha iad a’ còmhradh, thug Fionn sùil a sìos an gleann a bha fòpa, agus chunnaic e coltas laoich neartmhoir a’ [TD 65] deanamh dìreach orra. Thubhairt e, “Tha coltas coigrich a’ tighinn oirnn an so.” Fhreagair Conan, “Ma tha e ’tighinn gun ghnothuch, cha-n fhalbh e gun ghnothuch.” Ach mu ’n d’ fhuair iad mòran tuillidh còmhraidh a dheanamh m’ a thimchioll, bha ’n laoch òg ’n a sheasamh m’ an coinneamh. Chuir e fàilt an latha air Fionn, agus chuir Fionn fàilt air gu h-aoidheil. An sin dh’ fheòraich Fionn d’ e, Cia as a bha e, no gu dé ’n gnothuch a bh’ aige ’n sud? Fhreagair e, “Is Gille mi a shiubhail cian fhada ’s làn fhada ’g iarraidh maistir, agus cha téid mi ni’ s faide gus an diùlt thusa mi.” “Mata,” arsa Fionn, “tha Gille ’dhìth orm-sa, agus ma chòrdas sinn mu ’n duais tha mi coma ged chuireas mi muinntireas ort.” “Cha b’ e sin mo chomhairle dhuit,” arsa Conan. “Shaoil mi gu ’n d’ fhuair thu do leòir de na gillean fuadain sin cheana.” “Cuist, a ghàrlaich!” ars’ an Gille, “is minic a chuir do luathaire-theanga do cheann ann an dragh, agus tha mise air mo mhealladh mur fairich thu cuid di air tàileas bruidhne ’n latha diugh.” “Coma leat,” arsa Fionn; “oir ni do choltas an gnothuch dhuit co dhiù. Gu dé e do dhuais gu ceann là ’s bliadhna?” “Gun téid thu féin agus a h-uile duin’ a th’ agad air chuireadh, air chuilm, agus air chuid oidhche còmhla rium-sa ’n uair a bhitheas m’ ùine ’mach,” ars’ an Gille. An uair a chuala Fionn gu ’n robh a chuid daoine ri dol leis, ghabh e misneach nach b’ urrainn droch rud éiridh dhoibh, ’us iad còmhla; agus uime sin thubhairt e ris a’ Ghille gu ’m faigheadh e a dhuais. An uair a chaidh an ùine seachad, bha Fionn agus a dhaoine ’n tigh comh-agail cò aca ’rachadh as déigh a’ Ghille, oir bha coltas ro astarach air. Thubhairt Fionn, “Leigidh sinn Caoilt’ as a dhéigh, agus cha chreid mise nach cum e sealladh air. Theid Cuchuilinn an déigh Chaoilte, agus leanaidh sinne iadsan.” Agus mar sin rinn iad. Thionn an Gille Mòr air falbh ’us e ceann-rùisgte, cas-rùisgte, gun spionadh catha no céille, o bhealach gu mullach, agus o mhullach gu gleann, agus o ghleann gu srath. Dh fhalbh Caoilt’ as a dhéigh, agus an uair a bhitheadh an Gille Mòr a’ dol as an fhradharc air a’ chéud bhealach bhitheadh [TD 66] Caoilte ’tighinn anns an fhradharc air an ath bhearradh. Bha Cuchuilinn mar sin do Chaoilte, agus na daoin’ uile mar sin do Chuchuilinn. Chum iad anns an ordugh sin gus an d’ ràinig iad am Blàr-buidhe. Sheas an Gille Mòr a’ sin gus an d’ thàinig an duine mu dheireadh de ’n Fhéinn air aghaidh. An sin ghabh e null gu tigh mòr briadha a bha m’ a choinneamh. Dh’ fhosgail e dorus an tighe, agus dh’ iarr e orra ’gabhail a ’s tigh agus suidhe ’dheanamh. Chaidh Fionn a ’s tigh an toiseach, agus lean a chuid daoin’ e. Fhuair iad uile àiteachan suidhe ri taobhan a’ bhalla, ach Conan. Bha esan air dheireadh, agus a chionn gu ’n robh a’ h-uile àite-suidhe làn mu ’n d’ ràinig e, cha robh aige ach e féin a leigeil sìos agus a shìneadh air lic-an-teinntein. Bha iad cho sgìth, an déigh an astair a rinn iad, ’us gu ’n robh iad toilichte, ’n toiseach, leis na h-àiteachan suidhe amhain. Ach an uair a fhuair iad an anail, thòisich iad air fadal a ghabhail nach robh a’ chuilm a’ tighinn. Mu dheireadh, dh’ iarr Fionn air aon d’ a dhaoine dol a mach féuch am faiceadh e duin’ air bith a’ tighinn le biadh g’ an ionnsaidh. Thug fear no dhà oidheirp air éirigh bho ’n àiteachan suidhe, ach cha b’ urrainn iad. Lean am màsan ris na h-àitean-suidhe, buinn an cas ris an ùrlar, agus an dromannan ris na ballachan. Choimhead gach aon diù ’n sin air a’ cheile. Ghlaodh Conan bharr lic-an-teinntein, agus a dhruim agus ’fhalt air leantainn rithe, “Nach d’ innis mise tràth mar dh’ éireadh dhuit le d’ ghillean fuadain?” Cha d’ thubhairt Fionn guth, a chionn gu ’n robh e ’n iomagain mhòir mu ’n teinn-bàis anns an robh iad. Ach chuimhnich e air a dhéud-fios, agus chuir e a mhèur fodha, agus fhuair e ’mach nach robh ni air bith a dh’ fhuasgladh iad as an àit’ anns an robh iad ach fuil triùir chloinne Righ Innse Tille air a sìoladh tromh amalan airgid ann an cupachan òir. Cha robh fhios aige cò a gheibheadh an fhuil dha, ach chuimhnich e gu ’n robh Laoghaire, Mac Righ nan Sealg, agus Oscar a dhìth air as a’ chuideachd an là so. Bha ’n Gurra-fiodha aige, nach do shéid e riamh ach an uair a bhitheadh e ’n teinn bàis air chor-eiginn. Ach an uair a sheinneadh e i rachadh a fuaim troimh sheachd iomaill an domhain, agus gu [TD 67] iomall an Domhain Toir. Agus bha fhios aige, ’n uair a chluinneadh Laoghaire agus Oscar an fhuaim, gu ’n tigeadh iad a ceàrn air bith anns am bitheadh iad. Shéid e ’n Gurra-fiodha trì uairean, agus mu ’n d’ éirich grian air an ath mhadainn bha Oscar a’ glaodhaich air taobh a mach a bhalla, “Am bheil thu so, Fhinn?” “Cò ’tha sin?” thubhairt Fionn o ’n taobh a ’s tigh. “Is e ’n dà latha e ’nuair nach aithnicheadh tu mo ghuth-sa agus nach ’eil ach lèud balla tighe eadarainn. Tha mise, Oscar, an so, agus Laoghaire còmhla rium. Gu dé a th’ againn r’ a dheanamh a nis?” Dh’ innis Fionn doibh an suidheachadh agus an cruaidh-chàs anns an robh iad, agus nach robh ni air bith a dh’ fhuasgladh iad as ach fuil trì Mic Righ Innse Tille air a siòladh ann an cupaichean òir troimh amalan airgid. “C’ àit’ am fair sinn airson am faotainn?” thubhairt Oscar. Thubhairt Fionn, “Bheir thu aire mhath do bhéul-àtha na h-amhann ’ud thall mu dhol fodha gréine. Ach cha-n ’eil e fathast ach tràth anns an latha. Féuch am faigh sibh biadh dhuinn-ne, oir tha sinn air acras. Ach, Oscair, cuimhnich do Chraosnach a thabhairt leat.” Thug Oscar agus Laoghaire an aghaidh air an Tigh Mhòr a bha thall m’ an coinneamh. An uair a ràinig iad an tigh, bha iad a’ deasachadh na dinnearach. Thubhairt Laoghaire ri Oscar, “Gabh thusa ’n toiseach.” Ghabh Oscar an toiseach, agus bha e cumail a shùil anns gach oisinn féuch gu dé ’chitheadh e. An uair a ràinig e àite na còcaireachd thug e sùil a ’s tigh, agus chunnaic e coltas ceatharnaich fhiadhaich a’ togail ceithreimh féidh a coire. Thubhairt e ri Laoghaire, “Lean mise, agus thoir leat am biadh, agus bheir mise ’n aghaidh air an duine.” Chaidh e ’s tigh, ach cha robh duine nis ri fhaicinn. Ach sùil g’ an tug e, chunnaic e clamhan mòr le sgiathan sgaoilte deas gu léum a nuas air a cheann. Tharrainn e ’Chraosnach, agus thilg e air a’ chlamhan i. Bhrist e sgiath dheth, agus thuit an clamhan féin air an ùrlar, agus cha-n fhac e an ath shealladh dh ’e. Rinn e féin agus Laoghaire an so an tigh dhoibh fhéin, agus thug iad leò gach mìr bithidh air an d’ fhuair iad greim. Ràinig iad an tigh anns an robh Fionn agus a dhaoine. [TD 68] Thug iad toll air balla ’n tighe, agus thilg iad a ’s tigh pìos an déigh piosa do gach duine gus an d’ fhuair a’ h-uile duine ’bh’ ann ni-éiginn ach Conan. Bha esan air a dhruim air lic-an-teinntein, le lamhan agus le chasan maille r’ a dhruim ceangailte ris an lic, air chor agus nach b’ urrainn iad mìr a thoirt da ach na leigeadh iad a sìos tromh mhullach an tighe, agus a ghlacadh e féin an sin le ’bhéul. Mar so fhuair e greim n’ a dhà. An sin dh’ fheòraich Oscar de Fhionn gu dé ’bha aca ri fhaireadh aig béul-àth na h-amhann a thuillidh air triùir Mhac Righ Innse Tille. “Bithidh sluagh mòr còmhla riù,” arsa Fionn. “Agus cia mar dh’ aithnicheas sinn triùir Mhac Righ Innse Tille seach triùir air bith eile de ’n t-sluagh?” “Bithidh iad a’ coiseachd air leth air an t-sluagh air an laimh dheis, agus deiseachan uain’ orra.” “Aithnichidh sinn a nis iad,” thubhairt Oscar. An sin dh’ fhalbh Oscar agus Laoghaire a dh’ fhaotainn nan amalann agus nan cupachan airson na fala a shìoladh agus a ghleidheadh. An déigh dhoibh am faighinn dh’ fhalbh iad leò a dh’ fhaireadh a bheòil-àtha. Aig dol fodha gréine dh’ fhairich iad fuaim mhòr a’ tighinn. Thug Oscar sùil an rathad o ’n d’ fhairich e ’n fhuaim, agus chunnaic e sluagh mòr a’ tighinn anns an fhradharc. Ghlaodh e ’n so air Laoghaire bhi deas. Thubhairt Laoghaire, “Theid sinn air tìr as an uisge, agus coinnichidh sinn iad air talamh tioram.” Agus mar sin rinn iad. An uair a thàinig an sluagh mòr dlùth dhoibh ghlaodh iad, “Cò iad an dà Luidealach Mhòr mhi-sgiamhach a tha ’n sin ’n an seasamh aig béul àtha ’us anmoich? Cò air bith iad tha ’n t àm ac’ a bhi ’gabhail an eagail?” Ghlaodh Oscar riù, “Trian d’ ar n’ eagal oirbh fhéin agus trian bheag dh’ e oirnn-ne.” “Feithidh sibh mata ri bhur n’ aimhleas,” ars’ an sluagh mòr. An sin chaidh iad ’an coinneamh a chéile, ach thug Oscar agus Laoghaire ruathar fòp’ agus tharta gus nach d’ fhàg iad duine ’dh’ innseadh an tuairisgeil beò dhiù. Thill iad air an ais. Air an ath mhadainn dh’ innis iad do Fhionn mar dh’ éirich dhoibh, ach nach fhac’ iad Clann an Righ. “C’ àit ’an dean sinn faire an ath oidhche?” thuirt Oscar. “Fair gu math béul-àtha na amhann a’ nochd fhathast,” [TD 69] arsa Fionn. “Ach faidh dhuinn biadh an dràst, oir tha sinn air acras. Agus cuimhnich gu ’n toir thu leat do lann trì fhaobharach agus do sgiath an diugh.” Ràinig an dà laoch an Tigh Mòr. Bha Oscar ni ’b’ fhaiciliche ’n là so, a chionn nach robh fhios aige gu dé ’thachradh air. ’N uair a fhuair e sealladh air tigh na còcaireachd, chunnaic e duine fuathasach mòr agus ceithir lamhan air a ’s tigh, a’ togail na feòla as a’ choire. Chaidh e ’s tigh, ach cha robh duine ’nis ri fhaicinn. Thug e sùil mu ’n cuairt air an àit’, agus chunnaic e fìr-eun mòr a’ dol a thilgeil air ubh a bh’ aige ’n a spùl. Thog e ’a sgiath eadar e agus an t-ubh, ach chuir am buile air a leth-ghlùn e laimh ris a’ choire. Chunnaic e nach b’ urrainn e bhi deas le ’lann mu ’m bitheadh am fìr-eun aige; uime sin thog e ’n coir’ èanraich a bh’ air an ùrlar, agus thaom e air mullach a chinn e. Thug e sgriach fhuathasach as, agus chaidh e troimh ’n bhalla, agus cha robh ’n ath shealladh aige dh’ e. An sin dh’ fhalbh e féin agus Laoghaire leis a’ bhiadh’, agus fhuair iad roinn a thabhairt do gach duine mar air an latha roimhe. Ach bha roinn Chonain bhochd ni ’bu lugha. An uair a thàinig an t-àm dh’ fhalbh iad a dh’ ionnsaidh a’ bhéul-àtha, agus chaidh iad ni ’b’ fhaid’ air an aghaidh, air taobh eile na h-amhann, no chaidh iad air an fheasgar roimhe. Goirid an déigh ’dhoibh ruigheachd, chunnaic iad sluagh ro mhòr a’ tighinn orra. An uair a thàinig iad am fagus ghlaodh iad, “Cò an dà Luidealach mhòr mhi-sgiamhach a bha ’n sud ’n an seasamh os ceann béul-àtha na h-amhann anns an anmoch? Cò air bith iad tha n’ t-àm dhoibh a bhi ’gabhail an eagail.” “Dà thrian d’ ’ur n’ eagal a bhi oirbh fhéin, ach trian bheag dh’ e ’bhi oirnn,” thuirt Oscar. An sin bhuail iad orra as gach taobh gus an deachaidh iad a mach air an taobh eile dhiù, agus nach d’ fhàg iad duin’ a dh’ innseadh an tuairisgeil beò dhiù. Thill iad air an ais, agus dh’ innis iad do Fhionn nach d thàinig Clann an Righ air an oidhche sin fathast. Thubhairt Fionn riù iad a dh’ fhaotainn bithidh dhoibh-san an là sin a rithist. “Ach, Oscair, cuimhnich do shleagh agus do sgiath, agus ma bhlaiseas i fuil Beithir Sgiathach na Seile bithidh Righ Innse Tille ’nochd gun Mhac.” [TD 70] Dh’ fhalbh iad, agus thug iad an aghaidh air an tigh mhòr. Ghabh Oscar air thoiseach mar b’ àbhaist da. Bha e ’gleidheadh a shùil gu math biorach fèuch cò bhitheadh an tigh na còcaireachd an là so. ’Nuair ’fhuair e sealladh air chunnaic e duin’ eireachdail, calma, air an robh dà cheann agus ceithir lamhan, a’ togail na feòla as a’ choire. Thubhairt e ris fhéin gu ’n robh an t-àm aige-san a bhi deas. ’Nuair a chaidh e ’s tigh cha robh duine ri’ fhaicinn, ach bha Beithir Mhòr Sgiathach, agus dà cheann nathrach oirre, ’n a seasamh air an ùrlar. Chagair Oscar ri Laoghaire, “Dean thus’ air a’ bhiadh, agus ni mis’ air a’ Bheithir.” Thog e ’sgiath, agus tharrainn e a shleagh; agus le aon sàthadh chuir e ’n t-sleagh troimh aon cheann, agus pìos di tromh ’n cheann eil’ aig a’ Bheithir. Ghleachd a’ Bheithir gu fuathasach, ach mu dheireadh bha i a’ lagachadh le call fala. An sin tharrainn Oscar an t-sleagh air a h-ais los a sàthadh anns a’ Bhéist a rithist, ach cho luath agus a thàinig an t-sleagh as a feòil chaidh i as an fhradharc air, agus cha robh an ath shealladh aige dhi. Fhuair iad am biadh, agus dh’ fhalbh iad leis a dh’ ionnsaidh an cairdean. An uair a ràinig iad, dh’ fheòraich Fionn de dh’ Oscar, “An do bhlais do shleagh air fuil?” “Fad laimh-choille dhi agus dòrn dh’ òl gu titheach,” ars’ Oscar. An sin fhuair iad roinn de ’n bhiadh a thabhairt do gach duine mar air na làithean roimhe. Ach bha cuid Chonain ni’ bu lugha. Cho luath agus a thàinig ciaradh an fheasgair, thubhairt Fionn ri Oscar, “Bitheadh d’ amalan agus do chupaichean leat an nochd.” An sin dh’ fhalbh an dà laoch gu béul-àtha na h-amhann. Air an fheasgar so chaidh iad ni ’b’ fhaid’ air an aghaidh thar na h-aimhne na chaidh iad fathast. Cha robh iad ach goirid a’ feitheamh an uair a chunnaic iad sluagh mòr mòr a’ tighinn orra, agus triùir Chloinne Righ Innse Tille air an laimh dheis, agus deiseachan uain’ orra. Dh’ fheòraich Oscar de Laoghaire, “Cò dhiù a bheir thus’ an aghaidh air trì Mic Righ Innse Tille, no air an t-Sluagh Mhòr?” Thubhairt Laoghaire, “Bheir mise ’n aghaidh air trì Mic Righ Innse Tille, agus bheir thu féin an aghaidh air an t-Sluagh Mhòr.” ’Nuair ’dhlùthaich iad air a chéile ghlaodh an Sluagh Mòr, “Cò iad an dà Luidealach Mhòr [TD 71] mhi-sgiamhach a bha ’n an seasamh os ceann béul-àtha na h-amhann anns an anmoch? Cò air bith iad tha ’n t-àm dhoibh a bhi teicheadh an nochd.” “Tri trian d’ ’ur n’ eagal a bhi oirbh fhéin, agus gun dad idir d’ e oirnn-ne,” ars’ Oscar. An sin chaidh Oscar an coinneamh an t-sluaigh mhòir, agus thug Laoghaire ’n aghaidh air triùir Mhac an Righ. Bha cruaidh chath eadar Oscar agus an Sluagh, ach bhuadhaich e orra mu dheireadh agus cha d’ fhàg e duine beò dhiù. An sin chaidh e le cabhaig fàr an robh Laoghaire. Bha triùir Mhac an Righ air an dà ghlùn aig Laoghaire, agus Laoghaire air a leth-ghlùn aca-san. An uair a ’chunnaic Oscar gu ’m b’ ann aig Laoghaire ’bha ’n làmh an uachdair, cha b’ ann air a chuideachadh a thug e ionnsaidh ach air an fhuil, oir bha i a’ taomadh gu bras air an lòn. Thòisich e air a sìoladh tromh na h-amalan airgid anns na cupaichean òir, ach mu ’n robh na cupaichean uile làn dh’ fhàs na cuirp cho rag agus nach sileadh tuillidh asda. Dh’ fhalbh an dà laoch leis na bh’ aca ’dh’ ionnsaidh an tighe ’s an robh Fionn agus a dhaoine. An uair a ràinig iad e ghlaodh Oscar gu ’n robh iad air tighinn agus an fhuil aca. “Mata,” thubhairt Fionn, “suathaibh i ris a h-uile mìr dhibh a bheanas do ’n tigh, o mhullach ’ur cinn gu bonnaibh ’ur cas.” Rinn iad sin, agus chaidh iad a ’s tigh. Thòisich iad air na daoine fhuasgladh leis an fhuil a rubadh ris gach mìr dhiù ’bha leantainn ris na h-àiteachan-suidhe, no ris a’ bhalla, no ris an ùrlar. Dh’ fhuasgail iad mar sin gach duin’ a bha ’s tigh ach Conan. Cha d’ fhàg iad air a shon-san ach am blàth a dh’ fhuirich air na cupaichean, ach dh’ fhoghainn sin féin a dh’ fhuasgladh gach mìr dh’ e, ach cùl a chinn. Lean am falt agus an craicionn ri lic-an-teinntein agus cha robh dòigh ac’ ach fhàgail ceangailte mar bha e. An sin dh’ fhalbh Fionn agus a dhaoine dhachaidh ro thoilichte gu ’n d’ fhuair iad as a ghàbhadh mhòr anns an robh iad. Cha deachaidh iad ro fhada ’n uair a sheall iad ’n an déigh, agus a chunnaic iad Conan a’ tighinn. Sheas iad gun dàil fàr an robh iad gus an d’ thàinig e air aghaidh. Bha e ’n sin gun ròineag fuilt no ribe craicinn, eadar mullach a chinn agus cùl amhaich. Oir an uair a dh’ fhairich e gu ’n [TD 72] d’ fhalbh càch agus gu ’n d’ fhàg iad esan ’n an déigh, thug e slaodadh mòr air a cheann, agus dh’ fhàg e ’fhalt agus a chraicionn ceangailte ri lic-an-teinntein. O ’n là sin a mach b’ e ’theireadh daoine ris, “Conan Maol gun fhalt.” Ràinig Fionn agus a dhaoine ’n dachaidh, agus thug e bòid agus briathar nach cuireadh e muinntireas air gillean fuadain tuillidh. [TD 73] V. THE SMITH’S ROCK IN THE ISLE OF SKYE. [Beurla] [TD 74] [Beurla] CREAG A’ GHOBHA ’S AN EILEAN SGITHEANACH. BHA iomradh gu ’n robh na Fianntan ’n an cadal anns a’ Chreig so, agus na ’n rachadh duine ’s am bith a ’s tigh innte, agus an Gurra-fiodha ’bha ’n a laidhe ri taobh Fhinn a shéideadh trì uairean, gu ’n éireadh iad a suas beò, slàn mar bha iad roimhe. Chuala Gobha ’bha ’s an eilean an t-iomradh, agus chuir e roimhe gu ’m feuchadh e ri dol a ’s tigh do ’n Chreig. Ràinig e ’n t-àite ’s an robh i; agus an déigh dha beachd math a ghabhail air toll na h-iuchrach, thill e do ’n cheàrdaich, agus rinn e iuchair a fhreagair do ’n toll. Chaidh e ’n sin air ais a dh’ ionnsaidh na Creige, agus cho luath agus a chuir e car ’s an iuchair anns an toll dh’ fhosgail an dorus, agus chunnaic e àite ro mhòr agus ro fharsainn air thoiseach air, agus daoine anabarrach mòr ’n an laidhe air an ùrlar. Bha aon fhear ’bu mhò na càch ’n a laidhe ’n am meadhon, agus cleith mhòr de mhaide agus e fosgailte troimhe ’n a laidhe laimh ris. [TD 75] Smaointich e gu ’m b’ e so an Gurra-fiodha. Ach bha e cho mòr agus gu ’n robh eagal air nach b’ urrainn e a thogail, no idir a shéideadh. Sheas e ’g amharc air car ùine, ach mu dheireadh thubhairt e ris fhéin gu ’m feuchadh e co dhiù bho ’n thàinig e cho fada. Rug e air a’ Ghurra-fiodha, agus thog e air éiginn a cheann an àird r’ a bhéul. Shéid e le uile neart e; agus, leis an fhuaim a rinn e, shaoil e gu ’n do thuit a’ Chreag agus na bha os a ceann a nuas air a mhuin. Chrith na slaoid mhòra ’bh’ air an ùrlar o mhullach an cinn gu bonnaibh an cas. Thug e ’n ath shéideag air a’ Ghurra fiodha, agus a dh’ aon léum thionndaidh iad air an uilnibh. Bha ’m meòir mar mheòir gobhlaige, agus an gàirdeinnean mar shailean daragan-daraich. Chuir am mèud agus an coltas uamhasach a bh’ orra a leithid do dh’ eagal air ’us gu ’n do thilg e uaith’ an Gurra-fiodha, agus gu ’n do léum e ’mach. Bha iad an sin a’ glaodhaich as a dhéigh, “Is miosa dh’ fhàg no mar fhuair, is miosa dh’ fhàg no mar fhuair.” Ach cha d’ thug esan sùil ’n a dhéigh gus an d’ fhuair e mach, agus an do dhruit e ’n dorus. Shlaod e ’n sin an iuchair as an toll, agus thilg e ’mach i anns an lochan a tha laimh ris a’ Chreig, agus ris an abrar gus an latha ’n diugh Lochan Chreag a’ Ghobha. [TD 76-111] VI. THE BARE-STRIPPING HANGMAN. [Beurla] [TD 112] [Beurla] AN CROCHAIRE LOM-RUSGACH. BHA Righ roimhe so ’an Eirinn a bha pòsda dà uair, agus aig an robh mac ris gach té d’ a mhnaibh. B’ e ainm mac na céud mhnà Cormac, agus ainm mac na dara mnà Alastair. Bha athair ro mhòr mu Chormac, agus bhitheadh e daonnan ’g a thabhairt leis do ’n Bheinn-sheilg. [TD 113] Bha Cailleach-chearc aig an Righ, agus air là àraid chaidh i ’s tigh fàr an robh a’ Bhan-righ, agus coltas tùrsach, brònach oirre. Dh’ fheòraich a’ Bhan-righ dhi gu dé ’bha cur oirre? “Is mòr sin agus cha bheag, a Bhan-righ na truaighe!” “Gu dé ’s ciall d’ a sin?” “Gu ’m bheil an Righ cho gaolach air Cormac, mac na céud mhnà, agus gur ann aige ’dh’ fhàgas e ’n righeachd ’us gu ’m bi do mhac-sa falamh.” “Cha-n ’eil comas air sin ma ’s e toil an Righ e.” “Ù, ged tha, cha ruig a’ chùis leas a bhi mar sin. Ma bheir thu dhomhs’ an rud a dh’ iarras mi ort ni mi do mhac ’n a righ.” “Gu dé, mata, an duais a bhitheas tu ’g iarraidh airson sin a dheanamh?” “Cha mhòr sin: na ni tiugh an crogan dubh de mhin, agus na ni tana de dh’ ìm e, làn ailleagan mo dhà chluais de chlòimh, agus lèud mo dhara màis de fheòil.” “Gu dé na ni tiugh an crogan dubh de mhin?” “Ceithir salldraichean déug.” “Gu dé ’nis a ni tana de dh’ ìm e?” “Na bhitheas air do sheachd tighean cruidh gu ceann sheachd bliadhna.” “Gu dé ’nis làn ailleagan do dhà chluais de chlòimh?” “Na bhitheas air do sheachd tighean chaorach gu ceann sheachd bliadhna.” “Agus gu dé ’nis lèud do dhara màis de fheòil?” “Na bhitheas air do sheachd tighean dhamh gu ceann sheachd bliadhna.” “Tha sin mòr, a bhean.” “Tha, ach is beag e seach trian de dh’ Eirinn.” “Is beag,” thubhairt a’ Bhan-righ, “agus gheibh thu e. Ach gu dé ’n seòl a ghabhas tu air mo Mhac-sa ’dheanamh ’n a righ?” “Bha Cormac a’ gearan an dé nach robh e gu math. ’Nuair a thig an luchd-seilg dhachaidh their thu ris an Righ gu ’m féum Cormac fuireachd aig an tigh am màireach, agus do dh’ Alastair dol do ’n Bheinn-sheilg ’n a àite. Ni mise deoch do Chormac, agus bheir thusa dha i an déigh do chàch falbh, agus cha chuir e dragh tuillidh air do mhac-s’ o bhi ’na righ.” Chòrd so gu math ris a Bhan-righ, agus gheall i gu ’n deanamh i mar dh’ iarr a’ Chailleach-chearc oirre. Bha na mnathan a’ smaointeachadh nach robh duine ’g an cluinntinn am feadh a bha iad a’ dealbhadh an uilc, ach ré na h-ùine bha Alastair ri farchluais aig cùl an doruis. Bha e ro dhiombach mu ’n ni a bha iad a’ dol a dheanamh, a chionn gu ’n robh e féin agus Cormac cho gaolach air a chéile ’s a bha dà [TD 114] bhràthair riamh. Smaointich e gu dé ’dheanadh e, agus chuir e roimhe beachd nam ban innseadh do Chormac cho luath agus a thigeadh e dhachaidh. Thàinig Cormac dhachaidh mu fheasgar. Bha e gu math sgìth, agus cha robh e ’g a fhaireachdainn féin n’ a b’ fhearr na bha e anns a’ mhadainn. Chaidh Alastair fàr an robh e, agus dh’ innis e dha gach ni a thachair eadar a mhàthair agus a’ Chailleach-chearc. Ghabh Cormac bochd an t-eagal, agus thubhairt e ri Alastair gu dé ’dheanadh e? Fhreagair Alastair, “Bitheadh misneach agad, agus ni mise dòigh air am faigh sinn air falbh as an carabh, agus cha chuir sinn dragh tuillidh orra. Falbhaidh mise ’m maireach le m’ athair do ’n Bheinn-sheilg, ach cha téid mi fad’ air an t-slighe ’n uair a their mi ris gu ’n till mi dhachaidh a chionn nach tagh leam dol do ’n Bheinn. Mu ’n ruig mise, theid mo mhàthair a ’s tigh leis an deoch gu d’ ionnsaidh. Beiridh tu air a’ chòrn as a laimh, ach air son ni no neach a chunnaic thu riamh na blais as, agus na cuir a chòir do bheòil e. Togaidh tu do làmh mar gu ’m bitheadh tu dol a dh’ òl, agus an sin léumaidh tu ’mach leis ann ad laimh. Bithidh an dà each ’is luaith ’a th’ anns an stàbul agams’ a’ feitheamh ort, agus falbhaidh sinn.” Agus mar sin rinn iad. Air an ath latha cha deachaidh Alastair ach goirid le athair an uair a dhiùlt e dol ni ’b’ fhaide, agus a thill e dhachaidh. Bha fhios aig’ air an àm anns am faigheadh Cormac an deoch, agus chuir e roimhe gu ’m bitheadh na h-eich deas aige mar gheall e. Ach mu ’n gann a bha iad aige fo ’n dìollaidibh, thàinig Cormac a mach le cabhaig, agus an còrn aige ’n a laimh. Ghlaodh Alastair ris, “Léum gu grad a’ d’ dhìollaid, agus lean ris na th’ agad.” Rinn e sin, agus dh’ fhalbh iad le cheile cho luath ’s a bheireadh casan nan each iad. Chum iad air an aghaidh gun stad gun tàmh gus an robh na h-eich a’ tabhairt thairis orra. An sin theirinn iad, agus shuidh iad sìos anns an àite ’s an robh iad. Thubhairt Alastair ri Cormac, “Leig fhaicinn domh an còrn a nis?” Rug e air a’ chòrn a laimh a bhràthar, fhuair e bioran, agus thubhairt e, “Chi sinn a nis gu dé ’n stuth a th’ [TD 115] anns a’ chòrn.” Thum e ’m bioran anns an stuth, agus chuir e boinne dh’ e ’an cluais gach aon de na h-eich. “Gu dé ’tha thu deanamh mar sin?” arsa Cormac. “Feith beagan, agus chi thu,” thubhairt Alastair. An ùine ghoirid thòisich na h-eich air dol mu ’n cuairt anns an tuainealaich, agus cha b’ fhada gus an do thuit iad fuar marbh air an talamh. “Saoil, a Chormaic, na ’n d’ òl thu ’n deoch gu dé ’thachradh dhuit?” ars’ Alastair. “Gu dé ach gu ’m bithinn marbh roimhe so,” thubhairt Cormac. Am feadh a bha iad a’ còmhradh, thàinig ceithir fithich, agus laidh iad air carcaisibh nan each. Thòisich iad air piocadh nan sùl as na h-eich, agus an uair a dh’ ith iad na sùilean dh’ itealaich iad air falbh anns an athar. Ach cha deachaidh iad ach goirid an uair a thug iad sgriachan goint’ asda, agus a thuit iad marbh air an talamh. “Gu dé do bharail a nis air an deoch, a Chormaic?” thubhairt Alastair. “Gu dé ach na ’n d’ òl mi dhi, nach robh mi ’so an dràsd’,” arsa Cormac. Dh’ éirich Alastair, agus thug e leis na ceithir fithich ann an neapacain, agus dh’ fhalbh e féin agus a bhràthair a rìs air an turus. Bha Alastair a’ gleidheadh a’ chéum thoisich, a chionn gu ’n robh buaidhean air leis an robh fhios aige gu dé bha ri tachairt orra. Chum iad air an aghaidh gus an d’ thàinig iad gu baile beag. Chaidh Alastair a ’s tigh do thigh-còcaireachd anns a’ bhaile, agus dh’ iarr e air a’ Chòcaire na fithich a ghréidheadh cho math ’s a ghréidh e eòin riamh, ach gun e chur mèur no làmh a chòir a bheòil gus am bitheadh iad gréidht’ aige, agus gus an glanadh e a lamhan gu math agus gu ro mhath. “Gu dé is ciall d’ a sin?” thubhairt an Còcaire. “Cha do ghréidh mise biadh riamh roimhe nach fhaotainn a bhlasad.” “Na blais agus na h-ith mìr dhiù so, air neo cha-n fhaigh thu idir iad.” Gheall an Còcaire gu ’n deanadh e mar dh’ iarradh air. An déigh do ’n Chòcaire na fithich a ghréidheadh, agus paidheadh fhaotainn airson a shaothair, cheangail Alastair iad ’n a neapaicin, agus dh’ fhalbh e féin agus Cormac a rìs air an turus. Air an rathad thubhairt Alastair, “Tha coille mhòr romhainn anns am bheil ceithir robairean fichead a’ fuireachd nach do leig duine riamh seachad orra gun a mharbhadh, agus [TD 116] nach leig sinne seachad ma ’s urrainn iad ar bacadh.” “Gu dé ni sinn,” thubhairt Cormac. “Fàg sin agamsa,” fhreagair Alastair. An uair a bha iad a’ dol troimh ’n choille thug iad an aire do lianaig bhòidhich os ceann an rathaid air an robh iad ag iomachd, agus do na robairean ’g am blìonadh féin ris a ghréin aig bràigh na lianaige. Chum iad air an aghaidh, ach an uair a bha iad dìreach a’ dol seachad fo ’n àit’ anns an robh na robairean, ghlaodh dithis dhiù, “Cò an dà bheadagan bhalaich aig am bitheadh a chridhe dol seachad air an t-slighe so gun sinne fheòraich?” Ghabh iad uile ’nuas fàr an robh an dà choigreach, agus thubhairt iad riù gu ’n robh iad a’ dol a chur nan ceann diù. “Oh! mata,” ars’ Alastair, “cha-n ’eil comas air. Tha sinne sgìth agus acrach, agus na ’n leigibh sibh leinn greim bithidh itheadh mu ’n cuireadh sibh gu bàs sinn bhitheadh sinn ’n ar comain.” “Ma tha biadh agaibh, gabhadh e gu h-ealamh,” thubhairt na robairean. “Tha biadh againn,” thubhairt Alastair, “agus gheibh sibhse cuid d’ e ma thoilicheas sibh.” An sin dh’ fhosgail e a neapaicin, agus rinn e na fithich ’n an sia pìosan fichead, pìos airson gach fear a bh’ anns a’ chuideachd. “A nis,” thubhairt e, “feithidh sibh gus am bi sibh uile riaraichte, agus tòisichidh sibh air itheadh còmhla, oir ma dh’ itheas cuid agaibh an earrann féin an toiseach léumaidh iad air càch airson an earrann-san, agus millidh agus marbhaidh sibh a chéile.” A’ so rinn na robairean gàire mòr fanaid, ach thubhairt iad gu ’n deanadh iad mar dh’ iarradh orra. An uair a bha iad uile riaraichte thog Alastair a suas a làmh, agus ghlaodh e, “Itheadh a nis.” Rinn iad sin, agus mhol iad am biadh. Ach cha b’ fhada gus an do thòisich fear an déigh fir dhiù ri suidhe ’dheanamh, agus a h-uile fear a shuidheadh thuiteadh e ’n a chadal, agus as a’ chadal sin cha robh e dùsgadh tuillidh. Mu dheireadh bha iad uile ’n cadal a’ bhàis. “A nis,” thubhairt Alastair, “tha sud seachad, agus tha ’n rathad réidh romhainn gu ruig Caisteal Righ Ceist. Falbhaidh tusa a’ d’ Righ Eirionn, agus falbhaidh mise ’am ghille agad. Ma dh’ iarrar ort ni air bith a dheanamh their thu gur e ’n [TD 117] gille ’bhitheas a’ deanamh sin anns an dùthaich as an d’ thàinig thusa. An uair a ruigeas tu Caisteal Righ Ceist, féumaidh tu Ceist a chur no Ceist fhuasgladh, agus mur dean thu sin théid do cheann a chur air stob anns a’ ghàradh a tha mu choinneamh an doruis. Ràinig mòran d’ ar seòrsa-ne an Caisteal romhainn, agus a chionn nach b’ urrainn iad ceist a chur no ceist fhuasgladh chaidh an cinn a chur air stuib a’ ghàraidh. Tha aon stob falamh ann fathast, agus théid do cheann-sa ’chur air mur cuir, no mar fuasgail thusa, no mis’ air do shon, Ceist a nochd.” Ràinig iad an Caisteal. Chuir Righ Ceist fàilte mhòr orra, oir shaoil e gu ’m b’ ann a dh’ iarraidh a nighinn a thàinig iad, mar na feadhainn a thàinig rompa. Cha robh iad ach goirid a ’s tigh an uair a chaidh biadh a chur mu ’n coinneamh, ach mu ’n do thòisich iad air a ghabhail thubhairt Righ Ceist, “A Righ Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist.” Fhreagair Righ Eirionn, agus thubhairt e, “Is e ’n gille ’bhitheas a deanamh sin anns an dùthaich as an d’ thàinig mise.” “Faigh a nuas do ghille, mata,” arsa Righ Ceist. Thàinig an gille. “’Ille Righ Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist,” thubhairt Righ Ceist. Fhreagair an Gille, “Mharbh a h-aon a dhà, mharbh a dhà ceithir, mharbh ceithir ceithir thar fhichead, agus thàrr dithis as.” Smaointich Righ Ceist, ach cha b’ urrainn e a’ cheist fhuasgladh. Mu dheireadh thubhairt e ris a’ Ghille, “Bi falbh an dràsd, agus gheibh thu fuasgladh na ceist am màireach.” An déigh na dinnearach chaith iad an còr de ’n oidhche ’g innseadh sgeòil thaitneach gus an d’ thàinig àm dol a laidhe. An sin chuir Righ Ceist fios air a nighinn agus air a dà mhaighdein coimhideachd dhéug. Thubhairt e ris na maighdeannan, có air bith aca a gheibheadh fuasgladh na ceist’ o thùs bho Ghille Righ Eirionn, gu ’m faigheadh i ’mhac-san r’ a phòsadh agus leth na rìgheachd. Thubhairt iad gu ’m feuchaidh iad ris. Thionndaidh e ’n sin r’ a nighinn, agus gheall e dhi a roghainn leannain, agus leth na righeachd na ’m faigheadh ise fuasgladh na ceist’ o thùs. Bha na maighdeannan greis a’ meòrachadh gu dé ’n dòigh air am faigheadh iad a mach fuasgladh na ceiste. Mu dheireadh chòrd iad an Gille ’chur anns an aon seòmar a b’ fhuaire ’s bu [TD 118] mhiosa ’bha ’s a Chaisteal, fàr an robh tuill air na ballachan, agus a bha na h-uinneagan briste, agus gaoth ’us uisge ’tighinn a ’s tigh orra; gu ’n cuireadh iad a Mhaistir anns an t-seòmar a b’ fhearr a bha ’s tigh; agus gu ’n abradh iad ris a’ Ghille, gu ’m faigheadh e leaba agus seòmar cho math ’s a bh’ aig a’ Mhaistir na ’n innseadh e fuasgladh na ceist o thùs. Agus mar sin rinn iad. Cha robh ’n Gille ro fhada ’n a laidhe an uair a dh’ fhairich e ’n dorus ’g a fhosgladh. Thionndaidh e air a chluasaig, agus chunnaic e maighdean òg dhreachmhor ’n a seasamh air an ùrlar. Thuig e gu ro mhath gu dé ’bh’ air a h-aire. Thubhairt a’ mhaighdean ris, “An cadal dhuit, ’Ille Righ Eirionn?” “Cha chadal; oir cha-n fhàrdach chadail a fhuair mi, gaoth ’us fuachd fodham, agus gaoth ’us uisg’ os mo cheann. Is fad’ a bheir mi ainm an tighe so ’n uair a dh’ fhalbhas mi.” “Gheibh thu leaba cho math agus a th’ aig do Mhaistir ma dh’ innseas tu dhomhsa fuasgladh na ceist’ o thùs.” Ach cha d’ innis e sin di, agus leig e leatha falbh as eugmhais a dh’ ionnsaidh chàich. Thàinig iadsan an sin aon an deigh aoin, ach dh’ eirich dhoibh mar dh’ eirich dhise. Cho luath ’s a chaidh an té mu dheireadh dhiù a mach, dh’ fhalbh an Gille do sheòmar a Mhaistir, agus chaidh a Mhaistir do sheòmar a’ Ghille. Cha robh e ach goirid an sin an uair a thàinig nighean an Righ a ’s tigh. Thubhairt i mar thubhairt na maighdeannan roimpe, “An cadal dhuit, ’Ille Righ Eirionn?” “Cha chadal; oir cha-n fhàrdach chadail a fhuair mi, gaoth ’us fuachd fodham, agus gaoth ’us uisg’ os mo cheann. Is fada ’bheir mi ainm an tighe so ’n uair a dh’ fhalbhas mi.” “Mata, gheibh thu leaba cho math ’s a th’ aig do Mhaistir ma dh’ innseas tu dhomhsa fuasgladh na ceist’ o thùs.” Ach cha d’ innis e sin di, agus dh’ fhalbh i. Air an ath mhadainn dh’ fheòraich Righ Ceist de na maighdeannan an d’ fhuair iad fuasgladh na ceiste? Thubhairt iad nach d’ fhuair. Dh’ fheòraich e ’n sin d’ a nighinn an d’ fhuair ise i? Agus thubhairt i nach d’ fhuair. An uair a shuidh iad sios aig am braiceas thubhairt Righ Ceist, “A Righ Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist.” “Mar dh’ innis mi dhuit an raoir is e mo Ghille ’bhitheas a’ cur ceist [TD 119] no fuasgladh ceist air mo shon.” “Faigh a nuas do Ghille, mata.” Thàinig an Gille. “’Ille Righ Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist,” arsa Righ Ceist. “Cha d’ fhuair mi fuasgladh na céud cheist fhathast,” ars’ an Gille. “A bheadagain bhalaich, an ann a’ cumail bruidhne riumsa ’tha thu? Cuir ceist no fuasgail ceist, airneo bithidh do cheann air a chur dhìot air a’ chéud-lomaidh, agus air a chur air an stob anns a’ ghàradh.” “Cuiridh mi ceist mata,” ars’ an Gille. “Cluinneam i, mata,” fhreagair Righ Ceist. [Chuir an Gille ceist a rinn e air na nithibh a thachair dha fhéin agus d’ a Mhaistir air an oidhche roimhe. Dh’ fhuasgail Righ Ceist a’ cheist sin, ach dh’ fhairslich a chéud té air. A ghiorrachadh a’ chuid so de’n sgéul, thug Righ Ceist a nigheann do Righ Eirionn, agus chaidh am pòsadh gu ’n dàil, agus banais mhòr a dheanamh air an son.] Dh’ fhuirich Alastair leò mòran làithean, a’ cur seachad na h-ùine ri seilg agus ri iasgach. Air là àraid, agus e ’g iasgach air creig laimh ris a’ mhuir, agus a’ smaointeachadh gu dé ’dheanadh e, falbh no fuireachd le Cormac, chual e plub mòr anns an loch aig bun na creige. Mu ’n d’ fhuair e sealltainn a null no ’nall, léum Dobhar-chù Mòr as an uisge, rug e air dhà chaol-cois-se air, agus dh’ fhalbh e ’mach leis air a’ mhuir. Cha-n fhac e tuillidh lèus talaimh no athair gus an d’ fhàgadh e os ceann an làin anns an aon òb a bu bhòidhche a chunnaic e riamh le gainmheich mhìn, gheal o bhéul na tuinne gu féur gorm. Bha e ’nis ann an Lochlann. An ùine ghoirid thill an Dobhar-chù air ais agus bradan fìor-uisg’ aige ’n a bhéul. Dh’ fhàg e ’m bradan aig casan Alastair agus thubhairt e ris, “Turus fada ’s am bith air am bi thu dol, no cruaidh-chàs ’s am bith a bitheas a’ ’tighinn ort, gabh greim de ’n iasg so romh laimh. Ni thu bothan a’ so agus fanaidh tu ann gus am faic thu tuillidh na mise, agus am faigh thu tuillidh na mo chomhairle-sa.” Chuir e ’suas am bothan an oidhche sin féin. Bhruich e ’n sin pìos de ’n bhradan, agus an déigh dha itheadh dh’ e dh’ fhairich e ni ’bu treise na bha e riamh. Air an ath mhadainn dh’ éirich e, agus chaidh e ’mach romh chéud-lomaidh gu ceann a’ bhothain. Sheas e, agus chunnaic [TD 120] e ’m Fiadh Mòr Céir-gheal a’ tighinn dìreach air an àite ’s an robh e ’n a sheasamh, agus an Gaothar Geal, Cluas-dhearg a bha as a dhéigh ’g a ruith gu dian. An uair a bha ’m Fiadh a’ dlùthachadh air, bha breth air bhreth aig a Ghaothar air an Fhiadh; agus anns an dol seachad thug an Gaothar tathunn as, agus léum e ’n amhaich an Fhéidh, agus dh’ fhàg e marbh e aig casan Alastair. “Nis,” ars’ an Gaothar ri Alastair, “bha thusa dìleas do d’ bhràthair, agus gheibh thu do dhuais. Turus fada ’s am bith air am bi thu ’dol, no cruaidh-chàs ’s am bith a bhitheas a’ tighinn ort, ithidh tu romh laimh greim de ’n bhradan fhìor-uisge agus greim de ’n fhiadh so; agus o aon ni a chi no ’chluinneas tu, cha-n éirich béud dhuit tuillidh. Agus mu ’n teirig sin duit gheibh thu fios gu dé ni thu.” An sin ghuidh an Gaothar Geal, Cluas-dhearg soirbheachadh math leis, agus dh’ fhalbh e. Thug Alastair am fiadh a ’s tigh d’ a bhothan, agus dh’ fhàg e laimh ris a’ bhradan e. Rinn e a bhraiceas, agus dh’ ith e pìos de ’n bhradan agus pìos de ’n fhiadh. Chaidh e ’sin a mach, agus air dha sùil a thabhairt uaithe, chunnaic e duine mòr a’ tighinn ’us coltas righ air, agus dà churaidh dhéug còmhla ris. Thàinig iad dìreach a dh’ ionnsaidh an àite ’s an robh e. Thubhairt an Righ ris, “Ciamar a bha ’chridhe no ’dhànachd agad tighinn a mharbhadh an Fhéidh Mhòir Chéirghil agamsa?” “Thàinig d’ fhiadh leis féin ann am rathad, bha féum agam air biadh, agus mharbh mi e,” ars’ Alastair. “Mata,” ars’ an Righ, “o ’n mharbh thu ’m fiadh féumaidh tu cath ri m’ chuid curaidhean-sa gus an tuit thusa no iadsan.” “Tha mise ’m aonar, a Righ,” ars’ Alastair, “tha sibh-se ’n ur mòran, còmhla ri sin tha mi gun lann agam.” “Cha bhi thu gun lann,” thubhairt an Righ. “Gheibh thu mo lann-sa, agus ma bheir thu do bheatha as leis, is leat fhéin e.” “Feuchaidh mi co dhiù,” thubhairt Alastair. “Ach tha mi ’g iarraidh mar fhàbhar gu ’n leig thu leam gréim bithidh itheadh mu ’n tòisich mi.” “Gheibh thu sin,” thubhairt an Righ, ’us e a sìneadh a chlaidheimh dha. Chaidh Alastair a ’s tigh d’ a bhothan, agus dh’ ith e greim [TD 121] de ’n iasg agus greim de ’n fhiadh. An uair a bha e réidh shàth e claidheamh an Righ ann an carcais an fhéidh, agus chaidh e cho furasda troimhe agus ged’ b’ uisg’ e. “Buaidh an t-sàthaidh so a bhi leis gach buille,” ars’ Alastair. Dh’ fhairich e gu ’n robh e féin ann am mòr-mhisnich agus an làn neart, agus thionn e ’mach a dh’ ionnsaidh a’ chatha. Thubhairt an Righ ris gu ’m faigheadh e cothrom na Féinne, fear an déigh fir. Chaidh aon de na curaidhnean a chur a mach m’ a choinneamh. Ach cha b’ fhada ’bha iad ag iomairt lann an uair a thuit curaidh an Righ tròm-leònt’ air a’ bhlàr. Ghlaodh Alastair ris an ath fhear tighinn air aghaidh. Thàinig e, ach an ùine ghoirid thuit e leònt’ air a bhlàr mar thuit a chéud fhear. Dh’ éirich a leithid eile do ’n treas fhear. An uair a chunnaic an Righ a thriùir churaidh a’ sileadh fala agus a’ bàsachadh thubhairt e ris a’ choigreach, “Ge b’ e àit’ a ’s dùthaich dhuit is curaidh thu co dhiù.” Ghlaodh Alastair an sin ri càch tighinn air an aghaidh gu grad ma bha aige-san ri dol trompa uile. Ach chuir an Righ stad air an iomairt. Thionndaidh e ri Alastair, agus thubhairt e ris, “Choisinn thu do chlaidheamh le buaidh, agus gheibh thu e. Falbh leamsa agus ni mis’ thu ni ’s fearr na tha thu ’n so.” An sin dh’ iarr Alastair air mar chaoimhneas am bothan fhàgail ’n a sheasamh mar bha e gun fhios nach féumadh e tilleadh ann fathast. Fhuair e iarrtas, agus dh’ fhalbh e leis an Righ. Air an rathad bha ’n Righ fo thròm-cheal airson call a thri churaidhnean. Ach, mu dheireadh, thubhairt e ris féin gu ’n robh an t-aon a fhuair e cho math ris an triùir a chaill e. Chum iad air an aghaidh tromh choille, thar monaidh, agus thar mòintich gus an d’ ràinig iad Caisteal mòr, briadha nach fhac Alastair riamh roimhe a leithid. Dh’ iarr an Righ air dol a ’s tigh còmhla ris. Ghabh na curaidhnean an rathad féin, agus chaidh Alastair a ’s tigh leis an Righ. Chaidh biadh agus deoch a chur mu choinneamh Alastair, agus dh’ iarr an Righ air òl agus itheadh. Fhreagair e nach itheadh e greim d’ a bhiadh agus nach òladh e boinne d’ a dheoch gus an innseadh e dha an t-aobhar airson an d’ thug e ’n sud e. Dh’ aithnich an Righ gu ’m b’ e curaidh a bh’ aige, agus thubhairt e gu ’n innseadh e sin da. [TD 122] “Bha ceathrar nighean agam. Chaidh triùir dhiù ’thabhairt uam le Famhair Mòr a tha ’fuireachd ’an Coire Dubh na Beinne Brice. Thàinig e ’n toiseach an àm dol fodha na gréine, agus thug e leis a’ chéud té dhiù ’am làthair fhéin agus ’an làthair mo chuid churaidh, agus cha-n fhaca mi tuillidh i. Chuir mi mo churaidhnean ’n a dhéigh, agus lean iad e a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil aige. Ach an uair a ràinig iad e, mar sgathadh piorradh de ghaoith near rainneach anns a’ gheamhradh chuir e na cinn diù, agus cha d’ fhuair ach aon as a dh’ innseadh sgeòil a chruadail dhomh. An ceann sheachd bliadhna thàinig e rithist, agus mar thachair air tùs thachair air an uair sin. An ceann sheachd bliadhn’ eile, thàinig e agus thug e leis an treas té. Chuir mo chuid churaidhnean rompa gu ’m bitheadh dìoghailt ac’ air, agus gu ’n d’ thugadh iad mo nighean dachaidh g’ am ionnsaidh. Dh’ fhalbh iad fo ’n làn armachd a dh’ fhaireadh Caisteal Coire Dubh na Beinne Brice. An déigh dhoibh fhaireadh ré thri chuairt gréine cha d’ fhuair iad cothrom air an Fhamhair. Mu dheireadh bha iad a’ fàs tròm a dhìth cadail, agus lag a dhìth bithidh; agus chuir iad rompa gu ’n rachadh iad a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil agus gu ’m faiceadh iad dé ’bha ’s tigh. Fhuair iad a dh’ ionnsaidh Ùig an Fhamhair, agus chunnaic iad gu ’n robh e ’n tròm chadal. Thubhairt iad r’ a cheile gu ’m b’ e sin an t-àm dhoibh nighean an Righ a dhìoghailt, agus an ceann a thabhairt de ’n Fhamhair. Léum iad g’ a ionnsaidh, agus bhuail iad an ceann deth le ’n claidhibh. Cha bu luaith’ a rinn iad sin na léum fìr-eun mòr a nuas, agus a bhuail e ’chéud churaidh anns an aodann, agus a leag se e. Rinn e a ni céudn’ air an ath fhear. Agus an uair a chunnaic an còrr sin theich iad. Ach mu ’n gann a fhuair iad a mach tromh gheat’ a’ Chaisteil chunnaic iad am Famhair a’ tighinn ’n an déigh, agus a cheann air mar bha e roimhe. An uair a chunnaic iad e shìn iad as, agus stad cha d’ rinn na fhuair dhiù as gus an d’ ràinig iad so. Ach a chuid dhiù a thuit ’na lamhan, rùisg e gus an craicionn, agus chroch e suas air cromagaibh ri turaidibh a’ Chaisteil. ’Nis tha cheathramh té do ’m nigheanaibh mar là ’us bliadhna do dh’ aois chàich an uair a chaidh an goid uam. Ach aon ’s am bith a bheir dhachaidh g’ am ionnsaidhsa an Àlaire Dhubh a [TD 123] tha anns a’ Bheinn, agus air nach deachaidh taod riamh is leis mo nighean agus gu leth mo rìgheachd.” “Is math do thairgse, a Righ,” ars’ Alastair. “Is mairg nach deanadh a dhìchioll g’ a cosnadh.” “Dh’ aithnich mi gu ’m bu churaidh thu,” ars’ an Righ; “agus ma ni thu e gheibh thu do dhuais agus mòran tuillidh. Air madainn an ath latha ruigidh tu an stàbul agamsa, agus gheibh thu do roghainn sréine.” Ràinig Alastair an Stàbul air an ath mhadainn, agus fhuair e mòran dhaoine agus churaidhnean air thoiseach air a bha ’dol a dh’ fhéuchainn an Alaire Dhubh a ghlacadh, mar bha e féin, airson nighean an Righ fhaotainn mar dhuais. Chaidh an Stàbul fhosgladh, agus thagh gach aon srian air a shon fhéin. Dh’ fhalbh iad an sin do ’n Bheinn a bhreith air an Àlaire Dhuibh. Bha iad a’ siubhal troimh ghleanntaibh, thar bheanntaibh, agus tromh ghlacaibh gus an d’ fhuair iad sealladh oirre. Dh’ fhéuch Alastair ri faotainn air thoiseach oirre; ach cho luath ’s a chunnaic i e thog i ri aghaidh na Beinne, a’ cur uisg’ as na clachan agus tein’ as na h-alltan, a’ teicheadh roimhe. Lean iad as a déigh gus an d’ thàinig dorchadh na h-oidhch’ orra, agus an sin thill iad dachaidh as a h-eugmhais. An uair a ràinig iad an Caisteal dh’ innis iad do ’n Righ mar dh’ éirich dhoibh. Thubhairt e riù gu ’n robh là eile ’tighinn agus grian eile ri dol mu ’n cuairt, agus am fear a bheireadh dhachaidh an Àlaire Dhubh air cheann taoid dhasan gu ’m bu leis a nighean agus gu ruig leth na righeachd. An uair a chual iad so, rinn gach duine agus gach curaidh deas airson falbh do ’n Bheinn romh éiridh gréine air an ath là. An uair a thàinig an ath mhadainn thionn gach aon diù air falbh ’an làn bheachd gu ’m b’ ann aige féin a bhitheadh a’ bhuaidh a’ tilleadh. Ràinig iad a’ Bheinn. Bha cuid dhiù ’dol air am broinn tromh thuill, cuid a’ crùban tromh na h-uillt, cuid eile a’ fàireinneachd agus a’ gabhail fàth air gach bealach feuch am faigheadh iad sealladh air an Àlaire Dhuibh. Mu dheireadh chunnaic iad i air taobh deisear Ghlinn-na-gréine. Chaidh gach fear an òrdugh cho math ’s a b’ urrainn e gu greim a dheanamh oirre. Ach cha d’ éirich ni ’b’ fhearr dhoibh air an là sin na air an là roimhe, oir bha i ’cur uisg’ as na clachan [TD 124] agus teine as na h-alltaibh a’ teicheadh rompa. Aig dol fodha na gréine bha iad ni ’b’ fhaide uaipe na bha iad anns a’ mhadainn. Thill iad an sin dachaidh gu sgìth, airsnealach, acrach. An uair a ràinig iad an Caisteal chuir an Righ a mach a’ Ghille freasdail a dh’ fheòraich co aige ’bha bhuaidh. Thug an Gille fios air ais g’ a ionnsaidh gu ’m fac iad i, ach nach d’ fhuair iad ’an astar glacaidh oirre, no eadhon an urchair cloiche ’n a dàil. An sin chuir an Righ fios g’ an ionnsaidh gu ’m b’ e ’m màireach an treas là d’ an deuchainn, agus do aon air bith aca ’bheireadh dhachaidh dha san an Àlaire Dhubh air cheann taoid gu ’m bitheadh esan cho math ’s a ghealladh. An uair a chual iad so, bha gach curaidh ruith agus gach curaidh stréipe fo thròm iomagainn, oir cha b’ urrainn iad tuillidh a dheanamh na rinn iad cheana. Ach chuir iad rompa gu ’m feuchadh iad aon uair eile an Àlaire Dhubh a ghlacadh. An déigh do ’n t-suipeir a bhi seachad choinnich Alastair, ’us e ’dol tromh ’n Chaisteal, an Iorasglach-ùrlair aig an Righ. “A Mhic Righ Eirionn,” thubhairt i, “tha thu sgìth, airsnealach, agus fo thròm cheal.” Fhreagair Alastair gu ’n robh. “Cha do ghabh thusa comhairle do chàirdean. Théid thu ’nochd air d’ ais gu d’ bhothan féin, agus gabhaidh tu greim de ’n iasg agus greim de ’n fhiadh. Ach mu ’m falbh thu tillidh tu air d’ ais fàr am bheil an Righ, agus their thu ris gur e ’m màireach an là mu dheireadh a th’ agaibh airson an Àlaire Dhubh a ghlacadh, agus nach teid thusa ’n a déigh mur faigh thu do roghainn sréine mu ’m falbh thu. Their e riut gu ’m faigh thu sin. Falbhaidh e ’n sin leat, agus dar ruigeas sibh an stàbul chi thu dorus air do laimh dheis, agus their thu ris an dorus fhosgladh chum gu ’n tabhair thu do roghainn sréin’ as an àite sin. Fosglaidh e ’n dorus dhuit, agus chi thu crocht’ air a’ bhalla seann srian nach robh ’an ceann eich no capaill o cheann sheachd bliadhna fichead, agus bheir thu leat i. An uair a ruigeas tu a’ Bheinn bheir thu car mu thòm do chàch, agus gabhaidh tu air thoiseach air an Àlaire Dhuibh. Cho luath ’s a thig thu ’m fradharc dhi crathaidh tu an t-srian rithe, agus thig i le sitir, agus cuiridh i a ceann ’s an t-sréin. [TD 125] Léumaidh tu ’n sin air a drùim, agus marcaichidh tu dhachaidh i dh’ ionnsaidh an Righ.” Dh’ fhalbh Alastair o ’n Iorasglaich cho toilichte ’s a bha e bho ’n là a dh’ fhàg an Dobhar-chù e air tìr ’am fearann Lochlainn. Air an treas là chuir na curaidhnean an òrdugh, agus dh’ fhalbh iad do ’n Bheinn a bhreith air an Àlaire Dhuibh. An uair a ràinig iad, bha iad a’ gabhail fàth air gach sgàth gus an robh iad a’ smaointeachadh gu ’n robh iad cho dlùth oirre ’s a b’ urrainn iad faotainn. Ach thug Alastair car mu thòm dhoibh, agus dh’ fhàg e iad. Cha do stad e ach gus an d’ fhuair e air thoiseach air an Àlaire Dhuibh. Bha i ’tighinn, agus coltas uamhasach oirre, a’ spoltadh uisg’ as na clachaibh agus tein’ as na h-alltaibh le luathas a ruith. An sin thog Alastair suas an t-srian, agus chrath e rithe i. Cho luath ’s a chual an Àlaire slinnrich na sréine sheas i, agus rinn i cruaidh shitir a fhreagair Mac-talla nan Creag ceithir mìle mu ’n cuairt. Leag i dà chluais a siòs ri cùl a cinn, thàinig i ’n a cruaidh ruith, agus spàrr i a ceann anns an t-sréin. An sin léum Alastair air a druim, agus mharcaich e dhachaidh i ’dh’ ionnsaidh an Righ. An uair a chunnaic na curaidhnean eile ’n coigreach a’ marcachd air falbh leis an Àlaire Dhuibh, thuit an sud agus an sad uile uapa, agus thill iad dachaidh. Air an oidhche so thàinig an Righ a mach ’n an coinneamh. An uair a chunnaic e gu ’m b’ e ’n Coigreach aig an robh a’ bhuaidh ghabh e null fàr an robh e, chaidh e aír a dhà ghlùn da, agus thubhairt e ris, “Bha mi a’ smaointeachadh gu ’m bu churaidh thu a rìreadh, agus dhearbh thu mu dheireadh e. ’Nis, ni no neach, séud no luach a th’ anns an righeachd agam-sa iarr, agus gheibh thu e maille ris an duais a gheall mi airson a ghniomh so.” Rinn an Righ cuilm mhòr air an oidhche sin. Ach mu ’n robh a’ chuilm seachad thàinig fios a dh’ ionnsaidh an Righ o Fhamhair mòr a’ Chaisteil Dhuibh anns a’ Bheinn Bhric gu ’n tigeadh e airson na ceathramh h-ighinn an ceann là agus bliadhn’ o ’n oidhche sin. Chuir an teachdaireachd so an Righ fo mhì-ghean agus fo thròm iomagainn. Thionndaidh e ris na curaidhnibh, agus thubhairt e riù gu ’n robh e duilich [TD 126] nach b’ urrainn e an ni a gheall e a chomh-ghealladh mur faigheadh iad féin a mach an t-àit’ anns an robh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich ’am falach, agus mur cuireadh iad as da. “Chuir na curaidhnean agamsa ’n ceann d’ e cheana, ach chuir e air e rithist, agus bha e cho beò ’s a bha e riamh. Dhùlanaich e iad, agus thubhairt e gu ’n tugadh e leis mo nigheannan uile ge b’ oil leò. A nis tha e ’tighinn an ceann là agus bliadhn’ o nochd, agus am fear agaibhs’ a chuireas as da is leis mo nighean agus mo righeachd uile.” Bha na curaidhnean uile fo iomagainn a chionn nach robh fhios aca cia mar chuireadh iad as do ’n Chrochaire Lom-rusgach. Ach an uair a sgaoil iad o chéile choinnich an Iorasglach-ùrlair Alastair, agus thubhairt i ris, “A Mhic Righ Eirionn, tha mi ’n dòchas gu ’n d’ fhuair thu do dhuais a nochd.” Dh’ innis e dhi gach ni a thachair, agus mar bha ’n cùmhnant air am faighteadh nighean an Righ ni ’bu duiliche nis na bha e roimhe. Bha i ’n a sìneadh air an ùrlar, agus ghrad dh’ éirich i ’n a suidhe. Rug i air a falt ’n a laimh, agus rinn i glag mòr gàire, agus thubhairt i, “A Mhic Righ Eirionn, bha buaidh leat riamh, agus bithidh i leat fathast ma ghabhas tu mo chomhairle-sa.” “Ni air bith,” ars’ Alastair, “a dh’ iarras tu orm ni mise ma ’s urrainn mi, oir fhuair mi fìor thu gu ruig so agus tha làn earbs’ agam asad a nis.” “Mata,” thuirt an Iorasglach, “as an àit anns am bheil thu a’ d’ sheasamh falbhaidh tu fo d’ làn armachd, agus cuimhnichidh tu nach dealaich thu ri claidheamh an Righ gus am faigh thu ni ’s fearr. Théid thu ’n toiseach gu ruig do bhothan féin, agus ithidh tu greim de ’n fhiadh agus greim de ’n iasg. Thig thu ’n sin a mach gu dorus do bhothain, agus cuiridh tu d’ aghaidh air Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe, agus cha sheall thu as do dhéigh, agus cha thill thu céum air d’ ais airson càis no cruadail a choinnicheas tu gus an ruig thu Caisteal Mòr a th’ aig ceann na h-Aisridh. Chi thu ’sin boirionnach ag amharc a mach air uinneig àird a’ Chaisteil.” An so thug an Iorasglach a mach sgrìobhadh as a broilleach, agus thubhairt i, “An uair a chi thu ’m boirionnach aithnichidh tu i, agus their thu rithe gu ’m bheil sgrìobhadh agad dhi. Thig i ’n sin, agus fosglaidh i ’n dorus dhuit, agus innsidh i gu dé ’bhitheas agad r’ a dheanamh [TD 127] an déigh sin. Faotaidh tu ’nis siubhal air do thurus. Tha beannachd an Righ a’ d’ chuideachd, tha beannachd a nighinn leat, agus tha mo bheannachd-s’ agad. ’Nis ge b’ e ni a dh’ iarras am boirionnach ort a ràdh no ’dheanamh bi cinnteach gu ’n coimh-gheall thu e.” Ghabh Alastair misneach, agus dh’ fhalbh e dìreach a dh’ ionnsaidh a bhothain, agus romh éiridh gréin’ air an ath mhadainn dh’ imich e air a thurus troimh Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe. Chum e air aghaidh cian fhada agus làn fhada gus an d’ fhàs an Aisridh cho sgorach, bhiorach agus gu ’n robh e ’m féum crochadh air a bhroinn a dhol thairis oirre. Mu dheireadh theirig na sgoran féin, agus cha robh roimhe ach glomhas mòr eadar stallan chreag a bha cho domhainn fodha ’s a bha iad àrd os a cheann. Thug e sealladh air gach taobh dh’ e, agus chunnaic e ’n Aisridh a ruith a ’s tigh ri taobh aon de na stallan ’n a bac cho caol, agus nach robh lèud bonn cois’ innte. An sin ghabh e ’n t-eagal gu ’n robh e air sheachran agus bha e ’dol a thilleadh. Ach thàinig clamhan mòr ag itealaich tarsainn os a cheann, agus ghlaodh e ris, “A Mhic Righ Eirionn, cuimhnich comhairle na h-Iorasglach-ùrlair.” Anns a’ mhionaid chuimhnich e ’ghealladh do ’n Iorasglaich, agus thubhairt e ris féin gu ’n cumadh e air aghaidh cho fad ’s a bhitheadh an deò ann. Bha e ’n sin a’ crochadh o sgor gu sgor ’us a’ léum o bhac gu bac gus an do thòisich an Aisridh air fàs ni ’b’ fhearr. Mu dheireadh fhuair e air an rathad réidh. Dh’ fhalbh e ’n sin cho luath ’s a b’ urrainn e dol thar nan Creag, oir bha ’m feasgar a’ tighinn, agus cha robh sealladh do ’n Chaisteal ri fhaicinn. Bha ’n uchdach cho cas agus nach b’ urrainn e cabhag mhòr a dheanamh. Ach mu dheireadh bhuanaich e ’m mullach. Thubhairt e ris féin nach bitheadh e fada tuillidh, agus ruith e cho luath ’s a b’ urrainn e leis a bhruthach. Bha e ’smaointeachadh an uair a gheibheadh e aig bun na h-uchdaich gu ’m bitheadh na h-uile cruadal seachad, ach an uair a ràinig e sin cha robh iad a réir coltais ach a’ toiseachadh. An àit’ a’ Chaisteil ’s ann a chunnaic e Loch mòr dearg air thoiseach air. Thug e sùil air gach taobh fèuch am faiceadh e rathad air am faigheadh e thar an Loch, ach cha-n fhac e ach stallachan chreag, agus bu leòir do dh’ èun air iteig [TD 128] dol thairis orra. Bha e ann an tigh-comhagail co dhiù ’thilleadh e no rachadh e air aghaidh an uair a chual e ’n clamhan a’ glaodhaich os a cheann, “A Mhic Righ Eirionn, na gabh eagal no sgàth romh chàs no romh chruadail air bith a thachras ort.” An uair a chual e so ghabh e misneach, agus chum e air aghaidh air an Aisridh a ’s tigh do ’n Loch. An toiseach bha iongantas air nach robh e ’dol fodha ’s an Loch, ach an ùine ghoirid chunnaic e gu ’n robh an t-slighe air an robh e ’g imeachd air éiginn còmhdaichte le uisge. Chum e dìreach air an t-slighe gus an d’ ràinig e taobh eil’ an Loch. Cho luath ’s a fhuair e ’chasan air talamh tioram thog e ’cheann, agus chunnaic e dail bhòidheach, ghorm air thoiseach air, agus Caisteal Mòr aig ceann na dalach. Bha dorchadh nan tràth air tighinn, agus uime sin ghreas e air aghaidh a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil. An uair a ràinig e ’n Caisteal chunnaic e boirionnach ag amharc a mach air aon de na h-uinneagaibh. Ghlaodh e gu ’n robh litir aige dhi. Ghrad theirinn i, agus dh’ fhosgail i ’n dorus dha. Shìn e dhi an litir. Rug i oirre as a laimh, agus dh’ iarr i air feitheamh gus am faiceadh i gu dé ’bh’ innte. Cho luath agus a léugh i ’n litir léum i agus rug i air a laimh ’n a dà laimh, agus phòg i i. Thug i ’s tigh e, agus dh’ fheòraich i dh’ e gu dé ’n rathad a thàinig e? Thubhairt e gu ’n d’ thàinig e troimh Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe. “Ma ’s ann,” ars’ i, “tha féum agad air biadh agus air deoch.” Chuir i biadh agus deoch m’ a choinneamh, agus dh’ iarr i air a bhi ealamh a chionn gu ’n robh mòran aige r’ a dheanamh. Cho luath ’s a bha e deas thug i ’s tigh e do sheòmar nan arm, agus dh’ iarr i air e dh’ fhéuchainn am b’ urrainn e ’n claidheamh a bha thall ri taobh a’ bhalla ’thogail. Dh’ fhéuch e ris, ach cha chuireadh e gaoth eadar e agus an talamh. Dh’ fhosgail i preas a bha air taobh an tighe, agus thug i ’mach as botulan ìocshlaint. Tharrainn i ’cuach òir, agus chuir i déuran innt’ as a bhotulan, agus thubhairt i ris òl dh’ e. Rinn e sin. Rug e rìs air a’ chlaidheamh, agus thogadh e le ’dhà laimh e. Thug i dha déuran eile, agus an sin thogadh e ’n claidheamh le aon laimh. Thug i dha an treas déur, agus cha bu luaith’ a dh’ òl se e na dh’ fhairich e ni ’bu neartmhoire na bha e riamh. Rug [TD 129] e air a chlaidheamh, agus dh’ oibricheadh e leis cho aotrom uallach agus a dh’ oibricheadh e le claidheamh an Rìgh. “Nis,” thubhairt i ris, “tha Famhair Mòr agus dà cheann air, a’ fuireachd anns a’ Chaisteal so, agus tha e tighinn dachaidh an ùine ghoirid. Thig thusa leamsa, agus cuiridh mi a’ d’ sheasamh thu air an Ùdabac, fàr am faigh thu cothrom air a bhualadh an uair a chromas e ’thighinn a ’s tigh fo ’n àrd-dorus. Bi cinnteach gu ’m buail thu gu math e, agus gu ’n cuir thu ’n dà cheann d’ e; oir mur cuir thu dh’ e ach aon beiridh e air an aon sin, agus cuiridh e as duit leis mar rinn e air mòran air thoiseach ort.” Dh’ fhalbh e gun dàil, agus sheas e air an Ùdabac mar dh’ iarr i air. Cha robh e fada ’n sin an uair a chunnaic e ’m Famhair a’ tighinn agus siubhal sìth aige. An uair a ràinig e ’n dorus chròm e ’chinn, agus thug e roc as. Ghabh Alastair an cothrom air, agus bhuail e le uile neart e. Leis a’ bhuille thilg e fear de na cinn dh’ e, agus leth a’ chinn eile. An sin thug am Famhair léumannan agus sgriachan fuathasach as, ach mu ’n d’ fhuair e tionndadh chuir Alastair leth eile an dara cinn d’ e, agus thuit e ’n a chlosaich mhairbh air an talamh. Thàinig am boirionnach a mach, agus thubhairt i ris, “Is math a fhuaras thu, a Mhic Righ Eirionn. Tha soirbheachadh leat, oir tha beannachd m’ athar a’ d’ chois.” Dh’ fheòraich e ’n sin di cò i? Fhreagair i gu ’m b’ ise ’n nighean ’bu shine ’bh’ aig Righ na Beinne Buidhe. “Tha thusa ’falbh,” thubhairt i, “a dh’ iarraidh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich chum gu ’n tèarainn thu mo phiuthar a ’s òige bhuaith. Thig a ’s tigh, agus leigidh mis’ air falbh thu air do thurus mu ’n éirich grian am màireach.” Chaidh e ’s tigh, ghlan i chasan, agus chaidh e laidhe. Mu ’n do ghoir an coileach-ruadh, agus mu ’n d’ éirich grian air bruth no air beinn, bha i air a cois, agus a’ bhraiceas aice ’feitheamh air. An déigh dha éiridh agus a bhraiceas fhaotainn, thug i litir as a broilleach, agus shìn i dha i, ag ràdh, “Gleidhidh tu so gu cùramach gus an ruig thu Caisteal Mòr nan Ochd Turaitean, agus bheir thu i do ’n bhoirionnach a chi thu ’g amharc a mach air aon de dh’ uinneagaibh mullaich a’ Chaisteil.” [TD 130] Thug i tarrainn air a botulan ìocshlaint féin, agus air a cuaich òir, agus thug i dha deoch. Chuir i ’n sin e air ceann na slighe, ghuidh i beannachd a bhi ’n a chuideachd, agus thubhairt i gu ’m fanadh ise ’n sud gus an tilleadh e. Dh’ fhàg e claidheamh an Righ anns a’ Chaisteal, agus dh’ fhalbh e le claidheamh an Fhamhair. Bha ’n t-slighe air an robh e ’g imeachd ni ’bu réidhe na ’n té air an do shiubhail e ’n là roimhe. Fhuair e air aghaidh gu math, ach bha ’n t-astar cho fada ’s gu ’n do thòisich an oidhch’ air tighinn mu ’n d’ thàinig e ’n sealladh a’ Chaisteil. Mu chiaradh an fheasgair chunnaic e turaitean a’ Chaisteil fada bhuaithe. Ghabh e misneach agus chruadhaich e ’chéum, agus ged b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ’g a ruigheachd. Bha ballachan cho àrd mu ’n cuairt do ’n Chaisteal ’us nach robh e faicinn gu dé ’n dòigh air am faigheadh e ’s tigh. Ach thug e togail d’ a cheann, agus chunnaic e boirionnach ag amharc a mach air uinneig, agus ghlaodh e gu ’n robh litir aige dhi. Thàinig i ’nuas agus dh’ fhosgail i dorus mòr iaruinn a bh’ air a’ bhalla. An déigh dhi ’n litir a léughadh rug i air laimh air, agus thug i ’s tigh e. Choimhead i ’n sin air a’ chlaidheamh a bh’ aige, agus dh’ fheòraich i dh’ e c’àit’ an d’ fhuair se e? Dh’ innis e dhi gu ’n d’ fhuair o ’n bhoirionnach a bh’ anns a’ Chaisteal anns an robh e ’n oidhche roimhe sin. Bha claidheamh mòr eile ’n a sheasamh ri taobh a’ bhalla, agus thubhairt i ris e dh’ fhéuchainn am b’ urrainn e ’thogail. Chuir e gaoth air éiginn eadar e agus talamh. “Cha d’ rinn gin a thàinig romhad an uibhir sin féin,” ars’ am boirionnach. Thug i dha deoch as a botulan iocshlainte féin ann an cuaich òir, agus an sin chluicheadh e ’n claidheamh le dhà laimh. Thug i dha an ath dheoch, agus chluicheadh e claidheamh an Fhamhair cho fileanta ’s a chluicheadh e claidheamh an Righ. “Nis,” thubhairt i, “cha-n ’eil ùin’ agad ri chur seachad. Tha Famhair mòr nan trì cheann, nan trì meall, agus nan trì chnap a’ fuireachd a so, agus thig e dhachaidh a thiota. Fhalbh thusa leamsa, agus cuiridh mi thu ’n àite fàr am faigh thu cothrom air a bhualadh.” Chaidh e leatha, agus chuir i e ’n a sheasamh air bac a bh’ air taobh an fhosglaidh do ’n dorus [TD 131] mhòr iaruinn a bh’ air a’ bhalla. An sin thubhairt i, “’N uair a chromas am Famhair a thighinn fo ’n àrd-dorus bi cinnteach gu ’m buail thu e mu ’m faigh e ’chinn a thogail, agus gu ’n cuir thu dh’ e ’n trì leis a’ chéud bhuile, oir ma gheibh e éiridh bheir e as a’ chéil’ a’ d’ mhìrean thu mar rinn e orra-san a thàinig air thoiseach ort.” Thàinig am Famhair, agus chròm e fo ’n àrd-dhorus, ach mu ’n d’ fhuair e tromh ’n dorus bhuail Alastair e le uile neart, agus chuir e dithis de na cinn d’ e, agus leth an treas fir. Thug am Famhair léum as, agus bhuail fear de na mill an t-àrd-dhorus, agus chuir e mach e. An sin thuit e, agus mu ’n d’ fhuair e éiridh, agus an ath léum a thabhairt bhuail Alastair e ’n dara h-uair, agus chuir e ’n leth eile de ’n treas ceann d’ e. Le ròmhan mòr tiamhaidh thuit am Famhair ’n a chlosaich mhairbh air a’ bhlàr. Thàinig am boirionnach a mach an sin, agus thubhairt i, “Is math a fhuaras thu, a Mhic Righ Éirionn. Tha beannachd m’ athar agus mo pheathar a’ d’ chois, agus bithidh mo bheannachd-s’ agad a nis.” An sin dh’ fheòraich e dhi cò i? Fhreagair i gu ’m b’ ise dara nighean Righ na Beinne Buidhe. “Tha thusa ’falbh a dh’ iarraidh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich chum gu ’n tèaruinn thu mo phiuthar a ’s òige bhuaithe, agus ma thig thu beò as an ath Chaisteal a ruigeas tu cha ruig thu leas eagal a ghabhail roimh ni no neach a thachras ort tuillidh, oir soirbhichidh leat gu ceann do thuruis. Ach cha-n ’eil tìm agad ri chall.” Thug i ’s tigh e, ghabh i aige gu math le biadh agus le deoch, agus chuir i laidhe e. An déigh dha ’bhraiceas fhaotainn air an ath mhadainn thug i dha deoch as a botulan ìocshlaint ’n a cuaich òir. Chuir i ’sin a làmh ’n a broilleach, agus thug i mach as litir, agus thubhairt i ris, “Bheir thu so do ’n bhoirionnach a chi thu ’n a seasamh ’an dorus an ath Chaisteil gus an tig thu.” An so dh’ fhalbh e agus an claidheamh mòr aige leis an do chuir e na cinn de ’n Fhamhair. Fhuair e air aghaidh gu réidh gus an d’ ràinig e ’n ath Chaisteal, Ùsp Mhòr de dh’ àite gun uinneag, gun turait air. Chunnaic e ’m boirionnach ’n a seasamh ’s an dorus, agus ghlaodh e rithe gu ’n robh litir aige [TD 132] dhi. Ghlac i ’n litir, agus an déigh dhi a léughadh rug i air laimh air, agus thug i ’s tigh e. Ghlan i a lamhan agus a chasan le anaghlais uisge agus bhainne. Choimhead i ’n sin air a’ chlaidheamh, agus thubhairt i ris c’ àit’ an d’ fhuair e ’n lann ud. Fhreagair e gu ’n d’ fhuair anns a’ Chaisteal anns an robh e ’n raoir. “O ’n fhuair thu gu ruig so ni do chlaidheamh an gnothuch dhuit, agus cha dealaich thu ris am fad ’s a bhitheas an deò annad gus an ruig thu ceann do thuruis. Tha Beithir Mhòr Theinnteach nan Seachd Cinn Nathrach ’s a Ghath-Nimhe ’fuireachd anns a’ Chaisteal so. Thig i aig éiridh gréine ’m màireach, agus féumaidh tu a coinneachadh a mach, oir ma gheibh i ’s tigh cha-n fhaicear thusa no mise beò tuillidh.” Chuir i ’n sin a laidh e ann an leaba bhlàth, sheasgair. Dh’ fhuirich i féin ’n a faireachadh, agus an uair a thàinig an t-àm dhasan éiridh dhùisg i e. Thug i dha a bhraiceas, agus an déigh a bhraiceis deoch as a botulan ìocshlaint ’n a cuaich òir. Ghlac e ’n sin a chlaidheamh, agus thionn e ’mach. Mu ’n gann a fhuair e thar stairsnich an doruis dh’ fhairich e a’ Bheithir a’ tighinn. Rinn e deas air a son, agus cho luath ’s a thàinig i thòisich còmhrag chruaidh eatorra. Bha esan ’g a dhìon féin o na cinn, agus ise ’g a lot le gath mòr a bh’ aice ’am barr a h-earbaill. Chum iad air a’ chath gu àm dol fodha na gréine. An sin thubhairt i ris, “Is leat do leaba ’nochd fhathast, ach coinnich mise romh éiridh gréine ’m màireach.” Chaidh a’ Bheithir a rathad féin, agus thill esan a ’s tigh do ’n Chaisteal. Ghlan am boirionnach a chréuchdan, chuir i ìochslaint ris gach lot a bh’ air a chorp, agus chuir i laidhe e. An uair a dhùisg e air an ath mhadainn dh’ fhairich e gu ’n robh e cho slàn fhallain agus a bha e riamh. An déigh dha éiridh, agus a bhraiceas agus deoch de ’n ìocshlaint fhaotainn thog e leis a chlaidheamh, agus chaidh e ’n coinneamh na Beathrach. Ghleachd iad o mhadainn gu feasgar, esan ’g a dhìon féin o na cinn, agus ise ’g a lot le gath a h-earbaill. Aig dol fodha gréine stad iad. Chaidh ise a rathad féin, agus thill esan do ’n Chaisteal. Ghabh am boirionnach aig’ air an oidhche so mar rinn i air [TD 133] an oidhche roimhe. An uair a dhùisg e air an treas madainn bha e cho slàn o chréuchdan ’s a bha e riamh. An déigh dha ’bhraiceas agus deoch de ’n ìocshlaint fhaotainn ghlac e chlaidheamh, agus chaidh e ’n coinneamh na Beathrach. Air a mhadainn so chual e i ’tighinn agus sgriachail oillteil aice. Ach smaointich e bho ’n sheas e ’n dà là roimhe, gu ’m féuchadh e i an latha so fathast. Thàinig a’ Bhéist, agus chaidh iad ’n a chéile. Bha ise ’tilgeil ghath as gach béul air, agus bha esan ’g a dhìon féin uapa le ’chlaidheamh. Mu chiaradh an fheasgair bha e ’fàs lag, ach ma bha dh’ aithnich e gu ’n robh ise cuideachd a’ call a neart. Thug so misneach dha, agus dhlùthaich e rithe gu cruaidh. Aig dol fodha gréine thug i thairis, agus shìn si i féin air a’ bhlàr. “Nis,” thubhairt i, “rinn thu ’n gnothuch orm, ach bha ’n cothrom agad. Anns an oidhche bha thu faotainn do chréuchdan a ghlanadh agus a shlànachadh, agus bha thu gu blàth seasgair ri taobh an teine anns a’ Chaisteal agamsa. Ach na ’n d’ fhuair mise leth uair a thìm de bhlàthas an teine cha do thill thusa ni ’s mò na ’n fheadhainn a thàinig air thoiseach ort.” Tharrainn Alastair a chlaidheamh an so, agus le seachd buillibh chuir e na seachd cinn de ’n Bheithir. Ach air an t-seachdamh buille thug i togail air a h-earball, agus bhuail i anns an taobh e. Thuit e mar gu ’m bitheadh e marbh, agus cha-n fhac agus cha d’ fhairich e dad tuillidh gus an do dhùisg e mu mheadhon oidhche. Bha ’m boirionnach a’ sin a’ glanadh agus a’ slànachadh a chréuchdan. An uair a bha i deas de sin chuir i laidhe e. Air an ath mhadainn chaidh i fàr an robh e, agus dh’ fheòraich i dh’ e cia mar bha e ’g a fhaireachdainn féin? Fhreagair e gu ’n robh gu làidir fallainn. “Is math sin,” thubhairt i. “Tha chuid a ’s mò a d’ dhéuchainnibh seachad a nis.” An uair a dh’ éirich e agus a fhuair e ’bhraiceas, thubhairt i ris, “Mharbh thu Famhair Mòr nan Dà Cheann ’an Caisteal ceann Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe, mharbh thu Famhair Mòr nan Trì Cheann, nan Trì Meall, agus nan Trì Chnap ’an Caisteal Mòr nan Ochd Turaitean, agus mharbh thu Beithir Theinnteach nan Seachd Cinn Nathrach agus a’ Ghath-nimhe anns a’ Chaisteal Ùdlaidh so. Cha d’ fhuair ach [TD 134] aon dhiubhsan a thàinig romhad air an turus air am bheil thusa dol tighinn gu ruig so. Thàinig esan thar Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe, agus thar Aisridh an Loch Dheirg air iom-bàthadh. Fhuair e tromh thalamh-toll seachad air a’ chéud dà Chaisteal, ach cha b’ urrainn e dol seachad air a’ Chaisteal so gun dol troimhe. Choinnich a’ Bheithir Theinnteach e aig an dorus, agus chuir i as da. Ach thàinig thus’ air an t-slighe cheart, agus bha buaidh leat gu ruig so. Cha bhi mise ’g ’ad ghleidheadh ni ’s faide, oir tha mòran agad r’ a dheanamh fhathast. Cha d’ fhuair thu ach latha ’s bliadhna airson cur as do ’n Chrochaire Lom-rusgach, agus mar bi d’ obair deas agad roimhe sin bheir e leis mo cheathramh piuthar mar thug e leis sinne. Falbhaidh mise leat, agus cuiridh mi air ceann na slighe thu. Cha stad agus cha tàmh thu gus an ruig thu Sabhal Mòr nan Seachd Crùb, nan Seachd Lùb, agus nan Seachd Suidheachan. Chi thu fo ’n t-Sabhal air Cnoc Buidhe na Gréine fìor sheann duine a’ gearradh sgroth le Làir-chaibe. Innsidh tu dha an t-saoir air am bheil thu, agus innsidh esan duitsa gu dé a their agus a ni thu ’n a dhéigh sin. Gabhaidh tu comhairle bho gach aon a bheir dhuit i gu dìleas. Tha beannachd an Righ a’ d’ chois, tha beannachd na h-Iorasglaich a’ d’ chois, tha beannachd Gath-gréine, mo phiuthar, a’ d’ chois, tha beannachd Soillse-dubhair a’ d’ chois, agus tha mo bheannachd-s’ agad mar an céudna. Bi siubhal air do thurus, agus dean mar dh’ iarr mis’ ort, agus bithidh gach ni ceart an uair a thilleas thu.” An sin dh’ fhalbh e. Bha e ’siubhul air aghaidh cian fhada agus làn fhada. An uair a thòisich e air fàs sgìth chuimhnich e air éuchd agus air a bhuaidh. Thug so aotromachadh air ’inntinn, agus fhuair e air aghaidh gu math air a shlighe. An teis-meadhoin a smaointean thàinig e ’s tigh air ceann an aon Ghlinne ’bu bhoidhche ’chunnaic e riamh. Thubhairt e ris féin, “Feumaidh nach ’eil mi fada bho Shabhal Mòr nan Seachd Suidheachan a nis.” Mu ’n do leig e ’m facal as a bhéul chunnaic e ’n Sabhal beagan air thoiseach air, agus an aon Chnoc ’bu bhòidhche a chunnaic e riamh a’ soillseachadh mar òr ri gréin ’an ìochdar a’ Ghlinne, agus an [TD 135] aon duine ’bu shine coltas a chunnaic e riamh a’ gearradh sgroth le làir-chaibe air leth taobh a’ chnuic. Ghabh e fàr an robh an Duine, agus chuir e fàilt an là air. Fhreagair an Duin’ e gu brosglach, sgairteil, fada ni ’b’ òige ’na chainnt na bha e ’n a choltas, agus dh’ fheòraich e dh’ e cia as a thàinig e? Fhreagair Alastair, “Thàinig mi bho Chaisteal Righ Lochlainn, tromh Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe, tromh Chaisteal ceann na h-Aisridh fàr an do mharbh mi Famhair Mòr nan Dà Cheann, tromh Chaisteal Mòr nan Ochd Turaitean far an do mharbh mi Famhair Mòr nan Trì Cheann, nan Trì Meall, agus nan Trì Chnap, tromh Chaisteal Ùdlaidh na Beithir Theinntich nan Seachd Cinn Nathrach agus a’ Ghath-nimhe, agus as a’ sin gu ruig so féuch an innseadh tusa dhomh c’ àit am faighinn anam a’ Chrochaire Lom rusgaich?” Thug an Seann Duine sùil air anns an aodann, agus thubhairt e, “Leig fhaicinn domh do chlaidheamh, a Laoich.” Tharrainn Alastair a chlaidheamh as an truaill, agus shìn e dha e. Rug an Seann Duin’ air a’ chlaidheamh eadar a dhà mhèur, agus chuir e eadar e agus lèus e. Shìn e ’n sin air ais e, agus thubhairt e, “Faiceam thu a’ fleadhadh do chlaidheamh, a Laoich.” Rug Alastair air a’ chlaidheamh, agus thug e cuairt chùil agus cuairt bheòil leis cho aotrom, agus ged b’ e sgian an fhéidh a bhitheadh ’n a dhòrn. Léum an Seann Duine, agus rug e air laimh air, agus thubhairt e, “A Laoich, thàinig thu an rathad a thubhairt thu. Cha-n urrainn mise innseadh dhuit c’ àit’ am bheil anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich a nis, oir theich e as an àit anns an robh e bho cheann cheithir làithean. Ach faodaidh gu ’n innis m’ athair dhuit e.” “Oh, am bheil d’ athair beò, no ’n urrainn mise fhaicinn?” “Tha e beò. Sud e ’giùlan nan sgroth air a mhuin. Rach fàr am bheil e, agus feòraich dh’ e.” Ràinig Alastair Fear-ghiùlan nan-sgroth, agus dh’ fheòraich e dh’ e, an robh fhios aige c’ àit’ an robh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich ’am falach? Fhreagair an Seann Duine, “Cha n’ eil; theich e as an àit’ anns an robh e bho cheann trì làithean. Ach faodaidh gu ’n innis m’ athair dhuit.” “Oh, am bheil d’ athair beò, no ’m faod mise fhaicinn?” “Oh, tha e beò, agus is urrainn thu fhaicinn cuideachd. Sud e thall a’ tilgeil [TD 136] nan sgroth. Rach agus feòraich dh’ e.” Ràinig Alastair am fear a bha ’tilgeil nan sgroth, agus thubhairt e ris am b’ urrainn e innseadh c’àit an robh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich am falach? Fhreagair e, “Cha-n urrainn, oir theich e as an àit’ anns an robh e bho cheann dà latha. Ach faodaidh gu ’n innis m’ athair dhuit.” “Ùbh! ùbh! a Dhuine, an urrainn mise d’ athair fhaicinn no ’m bheil e ’n comas bruidhinn rium? Oir féumaidh gu ’m bheil e ro shean.” “Ù, is urrainn thu fhaicinn, agus is urrainn esan bruidhinn riut. Sud e ’cur nan sgroth.” Ràinig Alastair am fear a bha ’cur nan sgroth, agus dh’ fheòraich e dh’ e am b’ urrainn e innseadh c’ àit’ an robh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich am falach? Fhreagair e cha-n urrainn, oir theich e as an àit anns an robh e ’n dé. “Ach ruig m’ athair, agus innsidh esan duit c’ àit’ am faigh thu e.” “Gu dé ’n seòrsa duine ’th’ ann a’ d’ athair? An urrainn mise fhaicinn, no ’n urrainn esan bruidhinn rium?” “Chi thu e, agus bruidhnidh e riut, agus innsidh e dhuit gu dé ’th’ agadsa r’ a dheanamh ’n a dhéigh so.” “Ach c’àit ’am faic mi e?” “Tha e ann an sopan còinnich cùl a’ Mhaide-chrùim. Ach féumaidh mi féin dol leat. An uair a bhitheas tu ’bruidhinn ris, bheir thu ro-aire nach teid thu ’m fad laimh dha, oir ma gheibh e greim air mìr de d’ cholainn bruthaidh e thu mar spiligein eòrna fo lic brathann. Mu ’n dealaich sibh iarraidh e do làmh ort, agus ma bheir thu dha i bruthaidh e i gus am bi i cho caol ri deilg maraige. Ach so dhuit geinn daraich (agus e ’sìneadh dha durc de cheann cabair), agus bheir thu dha e ’n uair a dh’ iarras e do làmh.” Chaidh iad a ’s tigh do ’n tigh fàr an robh an Seann Duine. Thug Fear-chur-nan-sgroth ultach mòr còinnich a nuas o chùl a’ mhaide-chrùim, agus chuir e air lic-an-teinntein e. “Tha an Sopan Mòr, a Dhuine,” thubhairt Mac Righ Eirionn. “Is mò na sin m’ athair ’n a bhroinn,” arsa Fear-chur-nan-sgroth. Thug e mach athair as an t-sopan, agus chuir e air an lic e. “Gu dé d’ fhéum orm a nis, a Mhic,” ars’ an t-athair. “Is fada bho nach d’ iarr thu roimhe mi.” Fhreagair am Mac, “Tha Curaidh Òg a’ so a tha ’g iarraidh fios c’ àit am bheil anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich am falach.” “A Mhic Righ Cormaic an Éirinn, gu dé ’n rathad a thàinig thu gu ruig [TD 137] so?” dh’ fheòraich Fear-an-t-Sopain-Choinnich. Dh’ innis Alastair dha gach céum a thug e bho ’n latha ’dh’ fhàg e tigh athar, agus gach ni a thachair dha gus an là ud. “Is firinneach a dh’ innis thu dhomh, a Mhic Righ Eirionn. Loisg d’ athair a’ Chailleach-chearc, agus tha do mhàthair fo bhròn air do shon. Tha ’guidhe ’s a beannachd a’ d’ dhéigh, tha beannachd Righ Òg Ceist a’ d’ dhéigh, tha beannachd Ban-righ Òg Ceist a’ d’ dhéigh, tha beannachd Righ Lochlainn a’ d’ dhéigh, tha beannachd agus buaidh na h-Iorasglaich a’ d’ dhéigh, agus bithidh mo bheannachd-s’ a’ d’ dhéigh. Bha thusa dìleas do d’ bhràthair, agus bithidh gach beathach agus gach duin’ a choinnicheas thu dìleas dhuitsa. Agus, a Thréun-laoich, thoir dhomh crathadh de d’ laimh, agus innsidh mise dhuit c’ àit am faigh thu anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich.” Shìn an Seann Duine ’mach a làmh, agus shìn Alastair an geinn daraich dha. Rug e air a’ gheinn, thug e bruthadh agus crathadh air, agus rinn e cothan d’ e. An uair a leig e as e thubhairt e, “A Mhic Righ Eirionn, is cruaidh do làmh, agus dh’ fhéumadh i gu ruig so. Tha thu sgìth, air phathadh agus air acras, is airidh thu air biadh agus air deoch, agus gheibh thu sin. An déigh do shuipeir theid thu laidhe, agus aig éiridh gréine ’m ’màireach bithidh tu deas airson du thuruis. Cumaidh tu air d’ agaidh gun tilleadh, gun stad, gun sealltainn as do dhéigh gus an ruig thu Doire Dlùth-dhuilleach nan Craobh. Chi thu ’n sin Eilid Luath-chasach nan Stùchd nach d’ fhuair cù no duine riamh ’n a còir. Beiridh tu oirre, fosglaidh tu i, agus gheibh thu bradan anns a mhaodal aice. Fosglaidh tu ’m bradan, agus ann am broinn a’ bhradain gheibh thu Lach uaine na h-ite réidh. Ann am broinn an Lach gheibh thu Ubh, agus beiridh tu air an Ubh eadar do dhà laimh, agus brisidh tu e mu ’m bean e do ’n bhlàr. Oir ma bheanas e do ’n bhlàr cha-n fhaic thu Righ, no duine no daoine gu bràth as a dhéigh sin. Ach ged tha do làmh cruaidh cha bhrist i ’n t-Ubh gun mo chuideachadh-sa.” Dh’ fhéuch e laimh ris anns a’ chòinnich, agus thug e mach crogan. Shìn e ’n crogan do dh’ Alastair, agus thubhairt e, “Sin agad ola. Cho luath ’s a ruigeas tu Doire Dlùth-dhuilleach nan Craobh dòirtidh tu an ola air do làmhaibh, agus [TD 138] rubaidh tu leò a h-uile mìr do d’ chraicionn a bhitheas rùisgte, no ris an saoil thu gu ’m bean fuil Éilde, no lann Bradain, no ite Lach, no plaosg Uibhe. Gabhaidh tu aoidheachd o bheathach no bho ’dhuin’ a bheir dhuit i gun iarraidh. Agus bithidh fios agad féin gu dé ’bhitheas agad r’ a dheanamh ’n a dhéigh sin. Beir air an ola so ’nis, agus thoir leat i, agus bi deas airson do thuruis mar dh’ iarr mis’ ort.” Bha fhios aig Alastair nach robh math dha a làmh a shìneadh airson a’ Chrogain. Le sin shìn e a chlaidheamh, agus thubhairt e, “Cuir an Crogan air barr mo mheòir.” Rinn an Seann Duine sin, agus rug e air a’ chlaidheamh ’n a dhòrn, agus bhrùth se e gus an robh e cho cruinn ri bioran maide. An sin thuhhairt e, “Ni thu ’n gnothuch. An uair a bhristeas tu an t-Ubh bithidh an Crochaire Lom-rusgach marbh. Tillidh tu ’n sin air d’ ais an rathad a thàinig thu. Bheir thu leat nigheannan Righ Lochlainn as na Caistealaibh anns am bheil iad. Gabhaidh tu ’n sin gu Caisteal na Beinne Brice fàr am faigh thu ’m Famhair Mòr ’n a shìneadh marbh air an ùrlar. Gearraidh tu dheth an ceann agus na casan gu ruig na glùinean, agus bheir thu leat iad gu Caisteal Righ Lochlainn. An uair a ruigeas tu an Caisteal cuiridh tu teine mòr air, agus an uair a bhitheas e an teas a ghabhalach tilgidh tu iad ’n drùim an teine. Cho luath ’s a gheibh iad dathadh anns an lasair fàsaidh iad ’n an òganach cho dreachmhor agus a chunnaic duine riamh. Is bràthair e do Righ Lochlainn a chaidh a ghoid o mhàthair leis a’ Bheithir Theinntich an uair a bha e ’n a leanabh. Bha i ’g a chumail an sud fo gheisibh a’ deanamh gach cron a b’ urrainn e air an Righ gus an d’ thàinig thusa. Nis, dean mar dh’ iarr mis’ ort, agus bithidh mo bheannachd-s’ a’ d’ chois.” Air an ath mhadainn dh’ fhalbh Alastair air a thurus. Chum e air aghaidh cian fhada agus làn fhada. Bha ’m feasgar a’ tighinn air, neòil shìobhalta, shàmhach an là a falbh, agus neòil dhubha, dhorcha na h-oidhche ’teachd, na h-eòin bheaga, bhuchallach, bhachlach, bharra-bhuidh a’ gabhail mu thàmh ’am bunaibh nam preas, agus ’am barraibh nan dos, agus anns na h-innseagaibh fasgach, bòidheach, a bu laghaiche a thaghadh iad dhoibh féin. Mu dheireadh bha e fàs sgìth, agus fann le [TD 139] acras. Thug e sùil air thoiseach air, agus cò ’chunnaic e ach Madadh-na-Maoile Mòire. An uair a choinnich iad a chéile chuir am Madadh còir fàilt agus furan air gu cridheil. Dh’ fheòraich e dh’ e cean’ a bha e dol? Dh’ innis Alastair dha gu ’n robh e ’dol a dh’ iarraidh anam a’ Chrochaire Lom-rusgaich. Thubhairt am Madadh ris, “Tha ’n oidhch’ a’ tighinn, agus tha thu sgìth; thig còmhla riumsa, agus bheir mi dhuit an aoidheachd a ’s fearr a ’s urrainn mi ’nochd.” Dh’ fhalbh e leis a’ Mhadadh gu toileach. Ràinig iad fail a’ Mhadaidh, agus b’ e sin an t-àite tioram, seasgair le pailteas teine, sithionn fhiadh, ’us eildean ’us earbaichean. Fhuair e gu leòir ri’ itheadh, agus leaba bhlàth shocrach le béin fhiadh fodha, agus béin éildean agus earbaichean thairis air. Air an ath mhadainn fhuair e ’bhraiceas de ’n cheart seòrsa bithidh a bh’ aig’ air a shuipeir. An uair a bha e falbh thubhairt am Madadh còir ris, “Uair air bith a ni fiacail làidir nach géill ’n a greim no cas luath lùghmhor a shiùblas creachann beinne no ruitheas air ùrlar glinne féum dhuit cuimhnich ormsa, agus bithidh mise ri d’ thaobh.” Thug e buidheachas mòr do ’n Mhadadh chòir, agus dh’ fhalbh e air a thurus. Chum e air aghaidh cian fhada agus làn fhada gus an robh e fàs sgìth, agus dorchadh na n tràtha’ tighinn. Thug e sùil air thoiseach air, agus cò ’chunnaic e ’tighinn ’n a choinneamh ach Dóbhran Donn Shruth an Iùil. An uair a choinnich iad chuir an Dóbhran fàilte shunntach air, agus dh’ fheòraich e dh’ e c’ àit’ an robh e dol? Dh’ innis Alastair sin da, “Tha ’n oidhche ’tighinn, agus tha thu sgìth; thig leamsa ’nochd, agus gheibh thu ’n aoidheachd a ’s fearr a ’s urrainn mis’ a thabhairt duit.” Chaidh e leis an Dóbhran a dh’ ionnsaidh a’ Chùirn aige. B’ e sin an t-àite blàth, seasgair le pailteas teine, agus gu leòir de dh’ iasg bradain agus bànaig. Fhuair e ’shuipeir gu math agus gu ro mhath, agus leaba cho socrach ’us air an do laidh e riamh de riasg réidh nan Lochan-uisge. Air an ath mhadainn fhuair e ’bhraiceas de ’n cheart seòrsa a bh’ aig’ air a shuipeir an oidhche roimhe. An uair a bha e falbh thubhairt an Dóbhran ris, “Uair air bith a ni earball làidir a shuàmh fo [TD 140] ’n loch no ’chur gach sruth agus gach caisil féum dhuit, cuimhnich orm-sa, agus bithidh mise ri d’ thaobh.” Thug Alastair buidheachas do ’n Dóbhran laghach, agus dh’ fhalbh e. Shiubhail e air aghaidh cian fhada agus làn fhada gus an robh e fàs sgìth, agus an oidhch’ a’ tighinn. Thug e sùil air thoiseach air, agus cò ’chunnaic e ’n a ghurach air cloich ach Seabhag Mòr Chreag nan Sgeilp. An uair a choinnich iad dh’ fheòraich an Seabhag dh’ e c’ àit’ an robh e ’dol, agus dh’ innis Alastair dha an turus air an robh e. “Tha ’n oidhch’ a’ tighinn, agus tha thu sgìth agus acrach,” ars’ an Seabhag; “is fearr dhuit fuireachd leamsa ’nochd, agus bheir mi dhuit an aoidheachd a ’s fearr’ a ’s urrainn mi.” Dh’ fhalbh e leis an Seabhag g’ a Sgeilp fhasgaich féin. B’ e sin an t-àite tioram, seasgair fàr an d’ fhuair e pailteas de shithinn gach seòrs’ èun, agus leaba de dh’ iteagaibh cho socrach agus air an do laidh e riamh. Air an ath mhadainn, an déigh dha ’bhraiceas fhaotainn, thubhairt an Seabhag ris, “Uair air bith a ni sgiath lùghmhor, làidir a shiùbhlas tromh athar no thar bheann agus thar loch féum dhuit cuimhnich ormsa, agus bithidh mise ri d’ thaobh.” Cha deachaidh e ro fhad’ air aghaidh an uair a thàinig e ’m fradharc Doire Dlùth-dhuilleach nan Craobh. Ràinig e ’n Doire, agus mu ’n gann a fhuair e ’s tigh, léum Eilid Luath-chasach nan Stùchd a mach, agus thog i ris a’ Bheinn. Shìn e as a déigh, ach mar bu luaith’ a dh’ fhalbhadh esan b’ ann a b’ fhaide ’bhitheadh ise bhuaithe. An uair a chlaoidh se e féin ’g a leantainn chuimhnich e air a’ Mhadadh agus thubhairt e, “Nach bu mhath Madadh na Maoile Mòire ’so a nis?” Cha luaith’ a chaidh am facal as a bhéul na bha ’m Madadh r’ a thaobh. Dh’ innis e do ’n Mhadadh gu ’n robh e air a chlaoidheadh as déigh na h-Éilde, agus gu ’n robh e ni ’b’ fhaide uaipe ’n sin na bha e ’n uair a thòisich e air a leantainn. Dh’ fhalbh am Madadh ’na déigh, agus dh’ fhalbh esan an déigh a’ Mhadaidh gus an d’ ràinig iad taobh an Lochain Uaine. An sin rug am Madadh air an Eilid, agus dh’ fhàg e i aig casaibh Alastair. B’ ann a’ sin a chuimhnich Alastair air an ola. Ghrad thaom e i air a lamhaibh, agus rub e i ris gach mìr d’ a chraicionn ris am faodadh fuil na h-Éilde beantainn. Chaidh e ’n sin an [TD 141] carabh na h-Éilde, agus dh’ fhosgail e i. Ach ma dh’ fhosgail cha b’ ann gun chath, oir bha crodhain cho biorach agus a casan cho làidir, agus mur bhi an ola gu ’n tug i as a chéile ’n a mhìribh e. An uair a dh’ fhosgail e ’mhaodal léum am Bradan a mach aiste do ’n Lochan Uaine. Chaidh e ’n déigh a’ Bhradain mu ’n cuairt air bruachaibh an Lochain, ach an uair a bhitheadh esan aig aon bhruaich bhitheadh am Bradan fo bhruaich eile. Mu dheireadh chuimhnich e air Dóbhran Donn Shruth an Iùil, agus air ball bha e ri ’thaobh. Dh’ innis e do ’n Dóbhran gu ’n robh ’m Bradan anns an Lochan, agus nach b’ urrainn e greim fhaotainn air. Ghrad léum an Dóbhran a mach do ’n uisge, agus an ùine ghoirid thàinig e air ais leis a’ Bhradan, agus dh’ fhàg e aig casaibh Alastair e. Rug Alastair air a’ Bhradan, ach cho luath ’s a thug e toll air a bhroinn léum Lach na h-ite réidh agus an drùim uaine mach, agus dh’ itealaich i gu taobh thall an Lochain, agus laidh i ’n sin. Dh’ fhalbh e ’n a déigh, ach an uair a ràinig e ’n taobh air an robh i dh’ éirich i agus chaidh i air a h-ais gus an taobh a dh’ fhàg e. ’Nuair a chunnaic e nach b’ urrainn e breith oirre chuimhnich e air Seabhag Mòr Chreag nan Sgeilp, agus ann an tiota bha e ri ’thaobh. Dh’ innis e dha mar fhuair an Lach as, agus nach b’ urrainn esan breith oirre. Ghrad léum an Seabhag as déigh na Lach, agus ann an tiota thàinig e leatha agus dh’ fhàg e i aig casaibh Alastair. Chuimhnich Alastair na ’m beanadh an t-Ubh do ’n bhlàr gu ’n robh na h-uile ni caillte. Uime sin dh’ fhosgail e ’n Lach gu faicilleach, agus cho luath ’s a thàinig an t-Ubh anns an t-sealladh ghrad rug e air ’n a laimh. Ach thug an t-Ubh breab as a dhòrn, agus léum e trì àirde duine anns an athar. Ach mu ’n do bhuail e ’n talamh fhuair Alastair greim air, agus thug e cruaidh bhruthadh air eadar a dhà laimh agus a dhà ghlùn, agus chuir e ’n a bhruanaibh e. Bha gach ni a fhuair e ri ’dheanamh criochnaicht’ aige nis. Thill e uime sin air ais an taobh a thàinig e. Fhuair e ’n t-slighe cho réidh thèarainte ’s a bha i roimhe làn chunnart agus chnap-starraidh. An ùine ghoirid ràinig e Caisteal Ùdlaidh na Beithir Theinntich. Choinnich am boirionnach e aig an dorus, [TD 142] agus ghlaodh i, “A ghràidh a dh’ fhir an t-Saoghail! thug thu buaidh, agus gheibh thu do dhuais!” Dh’ fhalbh i leis, agus an uine ghoirid ràinig iad Caisteal Mòr nan Ochd Turaitean. Choinnich Soills’ an Dubhair iad anns an dorus, agus dh’ fhalbh i leò. Ràinig iad an sin Caisteal Mòr ceann na h-Aisridh Chreagach, agus fhuair iad Gath-gréine ’g am feitheamh. Dh’ fhalbh i leò, agus ràinig iad Caisteal Famhair Mòr na Beinne Brice, agus fhuair iad e ’n a shìneadh marbh air an ùrlar. Rug Alastair air a chlaidheamh mhòr fhéin, agus thug e ’n ceann agus na casan fo na glùinibh dheth. Cheangail e suas iad, agus thug e leis iad. “Nis,” thubhairt Gath-gréine, “is e ’nochd an oidhche’ anns an robh am Famhair Mòr ri tighinn airson mo pheathar a ’s òige, agus tha m’ athair ’an tròm bhròn a chionn gu ’m bheil e cinnteach gu ’n deachaidh thusa ’mharbhadh o nach do thill thu roimhe so. Tha dhaoine uile cruinn aige ’thabhairt coinneamh do ’n Fhamhair an uair a ruigeas e. Ach thig a bhròn gu gean, agus a thùrsadh gu gàire. An uair a thig e ’n ar coinneamh innsidh tu dha mar dh’éirich dhuit o ’n là anns an d’ fhalbh thu gus an oidhche nochd.” An uair a bha iad a’ dlùthachadh ris a’ Chaisteal chunnaic iad feachd mòr a’ feitheamh ri teachd an Fhamhair. Bha ’n Righ agus na bha ’s a’ Chaisteal gu tùrsach, brònach airson na h-ighinn a bha gu bhi air a toirt uapa. Ach am meadhon a bhròin thug an Righ sùil a mach air uinneig, agus chunnaic e Alastair a’ tighinn le triùir bhoirionnach ’n a chuideachd, agus ceann ’us casan an Fhamhair aige thar a ghualain. Léum e mach ’n a choinneamh, agus rug e air eadar a dhà laimh, agus phòg se e. “A ghràidh a dh’ fhir an t-Saoghail! bha fhios agam gu ’m bitheadh buaidh leat, agus bithidh mise cho math ’us mo ghealladh dhuitsa. Ach o ’n thug thu féin dachaidh mo chuid nighean uile gheibh thu do roghainn diù o ’n té ’s sine gus an té ’s òige.” “Mata,” thubhairt Alastair, “an té ’chaidh mise a thèarnadh o ’n Chrochaire Lom-rusgach is i sin mo roghainn.” An uair a chuala gach té do chàch so bha iad ro dhubhach nach do roghnaich e iad féin. Ach o ’n thug e mach a bhuaidh, agus a rinn e na h-uibhir air an son dh’ aontaich iad uile gu ’m faigheadh e ’n té a roghnaich e. [TD 143] An sin dh’ fheòraich an Righ do dh’ Alastair gu dé ’bha e ’dol a dheanamh ri ceann agus ri casan an Fhamhair. “Mu ’n ith mi biadh agus mu ’n òl mi deoch chi thu sin,” ars’ Alastair. Fhuair e ’n sin connadh agus rinn e teine mòr, agus an uair a bha ’n teine ’an teas a ghabhalach thilg e ’n ceann agus na casan ann am meadhon na lasrach. Cho luath ’s a dhathadh falt a’ chinn, agus a loisgeadh craicionn nan cas léum an t-aon Òganach a bu dreachmhoir’ a chunnaic iad riamh a mach as an teine. “O, mac mo mhàthar agus m’ athar a chaidh a ghoid ’n a leanabh!” ars’ an Righ, agus e ’léum a null agus a’ breith air eadar a dhà làimh. An uair a dh’ fhàiltich iad a chéile chaidh iad uile ’s tigh do ’n Chaisteal. Chuir an Righ roimhe gu ’m bitheadh Alastair agus a nighean air am pòsadh an oidhche sin féin. Ach an uair a chual Alastair so thubhairt e, “A Righ Lochlainn, tha do thairgse glé mhath. Ach cha phòs mise do nighean, agus cha chuir mi seilbh ann am mìr de d’ rìgheachd gus an cuir thu fios air Righ Òg Ceist agus air Ban-righ Òg Ceist a dh’ ionnsaidh na bainnse.” Chaidh an Righ an iomagain mhòir, a chionn nach robh fios aige gu dé ’n taobh a chuireadh e fios orra. Ann am meadhon a smaointean chuimhnich e air an Iorasglach-ùrlair. Chaidh e fàr an robh i, agus dh’ innis e dhi iarrtàs Alastair. “Faigh thusa gach ni eile deas, agus bithidh iad agamsa ’n so romh éiridh gréine ’m màireach,” ars’ an Iorasglach. Agus mar thubhairt b’ fhior. A chéud sùil a thug an Righ ris a’ mhuir air an ath mhadainn chunnaic e dà churach a’ tighinn gu tràigh. A mach a té dhiù thàinig Cormac agus a bhean, agus as an té eile thàinig an Iorasglach-ùrlair. Léum Alastair a mach nan coinneamh, agus b’ i sin an fháilte chàirdeil a chuir iad air a cheile! Thàinig an Righ nan coinneamh, agus chuir e fàilte chridheil orra. Chaidh iad a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil agus bha ’m pòsadh air a dheanamh. An déigh do ’n phòsadh a bhi seachad rinn iad cuilm mhòr a mhair là agus bliadhna. An ceann na h-ùine sin thill Cormac agus a bhean d’ an àite féin, agus chaidh Alastair agus a bhean leò. Dh’ fhuirich Cormac ’an Caisteal Righ Ceist, ach chaidh Alastair air ais gu àit’ athar. An uair a chunnaic a mhàthair e chuir i fàilte mhòr air, agus rinn athair toileachadh mòr an [TD 144] uair a chual e gu ’n robh Cormac ’n a Righ Òg Ceist. Rinn an Righ an so cuilm mhòr eile do dh’ Alastair agus d’ a bhean, agus do na h-uile ’bha mu ’n cuairt air. Agus cha d’ fhuair mise ach ìm air éileig, brochan ’an craidhleig, brògan paipeir. Chuir iad an allt mi, ’s theirig iad. [TD 145-166] VII. A TALE OF THE SON OF THE KING OF IRELAND AND TE DAUGHTER OF THE KING OF THE RED CAP. [Beurla] [TD 167] [Beurla] SGEULACHD AIR MAC RIGH ÉIRIONN AGUS NIGHEAN RIGH A’ CHURRAICHD RUAIDH. BHA Righ roimhe so ’an Éirinn a bha pòsda dà uair, agus aig an robh mac ris gach té d’ a mhnathaibh. Bha ’n dara bean ro dhona do mhac na céud mhnà, agus ro mhùirneach mu thimchioll a mic féin. Thug i air an Righ caman òir agus ball airgid a cheannach d’ a mac-sa. Cha robh aig mac na céud mhnà ach caman fiodha agus ball fiodha, ach chuireadh e air a bhràthair leis a’ chaman a bh’ aige. Air là àraidh chuir e mòran thaobhuill air a bhràthair. Ghabh a bhràthair so gu dona, agus thilg e air nach robh aigesan ach caman fiodha. Thubhairt e, “Is mise ’s docha le m’ athair, agus mar chomhar air sin thug [TD 168] e dhomh caman òir.” Ràinig so mac na céud mhnà gu mòr. Dh’ fhalbh e dhachaidh, agus ràinig e ’n Caisteal a’ caoineadh. Thàinig ’athair a mach ’n a choinneamh, agus thubhairt e ris, “A dhuine bhochd gu dé ’tha ’cur ort?” “Thilg mo bhràthair orm gu ’m b’ e ’bu docha leibhsa, agus gu ’n tug sibh dha caman òir, agus nach robh agamsa ach caman maide.” “Mata,” ars’ athair, “cha bhi sin aige ri thilgeil ort tuillidh; bheir mise dhuit caman òir agus ball airgid.” Fhuair am balach an caman agus am ball, agus an uair a chunnaic a mhuime iad aige, ghabh i mìthlachd mòr; agus thubhairt i ris gun a chridhe ’bhi aige cluich le mac-sa tuillidh. Bha e ’nis ni ’bu bhrònaiche na bha e riamh, a chionn nach robh créutair aige a rachadh a chluich leis, ach galla mhial-choin a bha ’s a Chaisteal. Dh’ fhàs e féin agus a’ ghalla mhial-choin cho mùirneach m’ a chéil’ ’us nach robh dealachadh eatarra a là no ’dh’ oidhche. Chaidh ùine mhath seachad mar sin, ach air aon là àraidh dh’ fhalbh e o ’n Chaisteal, agus ràinig e taobh na mara. Bha e ’siubhal ri aghaidh na tuinne ’n uair a chunnaic e maighdean-mhara, agus i a’ cur dhi a cochuill. Chuir i n cochull ’am falach ’an sgor creige, agus bha i ’n sin ’n a boirionnach cho briadha ’s a chunnaic e riamh. Chum e ’shùil gu géur oirre feuch gu dé ’bha i ’dol a dheanamh. Léum i mu dheireadh a mach air an loch, agus thòisich i air i féin a ghlanadh. An so smaointich e gu ’n goideadh e ’n cochull aice. Dh’ èalaidh e air a ghlùnaibh agus air a bhroinn gus an d’ fhuair e greim air a’ chochull. Dh’ fhalbh e ’n sin, agus chaidh e ’m falach ann an àite fàr am faiceadh e gu dé ’dheanadh a’ mhaighdean-mhara ’n uair a dh’ ionndraineadh i e. Thill i ’s tigh, agus an uair nach d’ fhuair i ’n cochull fàr an do chuir i e, thug i sùil ceithir thimchioll oirre, agus dh’ fhalbh i dìreach a dh’ ionnsaidh an àit anns an robh Mac Righ Éirionn ’am falach. Thubhairt i ris, “A Mhic Righ Éirionn, thoir dhòmhsa mo chochull.” “Cha tabhair; cha-n fhaigh thu e gun chùmhnant.” “Gu dé ’n cùmhnant a tha thu ’g iarraidh?” “Gu ’m fag thu dhìot do chochull, agus gu ’m pòs thu mise.” “Cha dèan mi sin, oir tha gealladh pòsaidh aig fear eil’ orm [TD 169] Bithidh ùine mhòr mu ’n tig e air mo shon, ach tha mi ’dol a dh’ fheitheamh ris. Ach, a Mhic Righ Éirionn, gabh mo chomhairle-sa, agus toill mo bheannachd. Thoir dhomh mo chochull, agus geallaidh mise gu ’m bi mi ’m bhan-charaid dhìleas dhuit as a dhéigh so. Agus càs no cruadal a thig ort, agus anns an urrainn mise cuideachadh a dheanamh dhuit ni mi e. Tha mòran agad ri ’dhol troimhe air nach ’eil fhios agadsa, ach ma ghabhas tu comhairle agus ma bhitheas tu dìleas gheibh thu as gach càs agus as gach cruadail a thig ort.” An uair a chual e so thug e dhi an cochull. Thubhairt a’ Mhaighdean-mhara, “Mo bheannachd agad a nis. A h-uile là a dh’ éireas tu, thig thu so gu taobh na mara, agus ma bhitheas féum agad orm chi thu mis’ ann.” Dh’ fhalbh e dhachaidh gu sunndach. Air an ath latha ràinig e taobh na mara, agus bha e coiseachd ri aghaidh na tuinne mar bha e air an là roimhe, ach cha-n fhac e ni air bith. Air an dara là thàinig e rithist, ach cha-n fhac e dad air an uair sin cuideachd. Air an treas là thàinig e, agus chum e ’shùil anns gach luib, agus ób, agus camus feuch am faiceadh e ’mhaighdean-mhara. Ach sùil ’g an tug e mu dheireadh gu dé ’chunnaic e ach tri ealachan air an t-shnàmh. B’ i té dhiù eala bhàn a’ mhuineil réidh, agus a soillse mar dhearrsadh gréine air cùl froise ann am madainn earraich. Sheas e ’coimhead oirre, agus thug e bóid agus briathar ris féin an sin, nach stadadh e, agus nach gabhadh e fois air muir no air tìr gus am faiceadh e bean a bha cho briadha ris an eala. An sin shnàmh na h-ealachan air falbh, agus chaidh iad as an t-shealladh anns a’ chuan. Air tionndadh dha mu ’n cuairt chunnaic e a’ Mhaighdean-mhara ann an ób laimh ris. “A Mhic Righ Éirionn,” thubhairt i, “ghabh thu gaol air Eala Bhàn a’ mhuineil réidh. Falbh dhachaidh, agus iarr air d’ athair bàta fhaotainn duit, agus falbhaidh tu innte, agus leagaidh tu do chùrsa ’cheart taobh a ghabh na h-ealachan.” Air dhi so a ràdh chaidh i fodha anns an uisge, agus cha d’ fhuair e ’n ath shealladh dhi. Chaidh e dhachaidh. Ràinig e ’athair, agus thubhairt e ris gu ’n robh e ’falbh air turus cuain, agus gu ’ m féumadh esan bàta fhaotainn da. “Gheibh thu sin, agus sgioba,” thubhairt [TD 170] athair. “Am màireach rach sìos a dh’ ionnsaidh a’ chladaich, agus bithidh bàt’ agus Sgioba ’feitheamh ort ann. Is e Gona-chridh a’s ainm do ’n bhàta, agus bithidh an Sgioba ùmhal dhuit anns gach ni a dh’ iarras tu orra ’dheanamh.” Ràinig e ’n cladach, agus bha ’m bàta ’feitheamh air mar thubhairt athair. Chaidh e air bòrd, agus leag e a cùrsa a’ cheart taobh a ghabh na h-ealachan. Bha iad a’ seòladh ré ùine mhòir air a’ chuan gun fhearann fhaicinn. Mu dheireadh thàinig fearann ’s an t-shealladh, agus rinn iad dìreach air. An uair a ràinig iad an cladach dh’ iarr Mac Righ Éirionn air an Sgioba an aire ’thabhairt do ’n bhàta, agus gu ’n rachadh esan air tìr. Chaidh e air tìr. Thug e ’n aire do thigh mòr, sgiamhach fada bhuaithe aig bun coille mhòir, agus rinn e dìreach air. B’ e so Caisteal Eilean Mòr nam Muca-mara. Mu ’n d’ ràinig e ’n Caisteal chunnaic e Seann duine ’tighinn ’n a choinneamh. An uair a thàinig iad an astar bruidhinn d’ a chéile thubhairt an Seann duine, “A Mhic Righ Éirionn, tha do ghnothuch duilich dhuit fhaotainn, ach tha iad ann, agus gabhaidh iad faotainn. Cha mhisd thu mo chomhairle agus mo chuideachadh-sa, agus gheibh thu iad. Fanaidh tu leamsa ’nochd, agus falbhaidh mise leat am màireach.” Ràinig iad an Caisteal agus chaidh iad a ’s tigh. Thubhairt an Seann duine, “Ghabh thu gaol air Eala Bhàn a’ Mhuineil réidh, Nighean Òg Righ a’ Churraichd Ruaidh a tha fuireachd ann an Éilean Mòr Spiorad a Cheò. Thàinig mòran churaidhnean air thoiseach ortsa ’dh’ iarraidh Deàrsadh-gréine, Nighean Òg Righ a’ Churraichd Ruaidh, agus cha do thill iad, agus cha till thusa ni ’s mò mur bi thu cruadalach, dìleas, agus mur gabh thu comhairle. So dhuit snàthad, agus bogha agus saighead, agus gleidhidh tu ’n t-snàthad gus an tig féum agad oirre. Anns a’ mhadainn am màireach falbhaidh tu le Gonachridh, do bhàta, agus an uair a gheibh thu i fo siùil cuiridh tu ’n t-snàthad ann am barr na saighde, agus cumaidh tu dìreach anns an athar i, agus an rathad a bhitheas an t-snàthad ag amharc an uair a thuiteas i anns a’ bhàta leagaidh tu do chùrsa. Agus falbhaidh mise leat, oir cha mhisd thu mo chuideachadh mu ’n till thu. Tha bràthair dhomhsa [TD 171] ’fuireachd ann an Éilean Bòidheach Faileas nan Réul, agus bithidh sinn ’n a thigh-san an ath oidhche. Innsidh esan gu dé ’ni thu as a’ dhéigh sin, agus bheir e dhuit ni éiginn eile ’bhitheas a chum d’ fhéum. Ach bithidh e mar chùmhnant agam ort mu ’m falbh mi gu ’n cuir thu air tìr mi ’n so ’n uair a thilleas tu.” “Tha mi gealltainn sin duit,” arsa Mac Righ Éirionn. Air an ath mhadainn an uair a ràinig Mac Righ Éirionn agus an Seann duin’ an cladach fhuair iad Gonachridh fo’ siùil a’ feitheamh orra. Cho luath ’s a chaidh iad air bòrd chuir Mac Righ Éirionn an t-snàthad ’am barr na saighde, leig e an t-saighead as dìreach anns an athar, agus an rathad a bha ’n t-snàthad ag amharc an uair a thuit i leag e cùrsa na luinge. Sheòl iad air an aghaidh fad’ an là. Mu chromadh na gréine chunnaic iad fearann air thoiseach orra, agus rinn iad dìreach air. An uair a ràinig iad an cladach dh’ iarr an Seann duine air Mac Righ Éirionn dol air tìr agus falbh a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil. Chaidh e air tìr, agus rinn e air a’ Chaisteal. Mar bha e ’dol air aghaidh bha gach ni a chunnaic e ’cur ioghnaidh mhòir air. Cha robh clach no creag a thachradh air anns nach robh e ’faicinn ’fhaileas fhéin a’ deàrsadh. Mu dheireadh thàinig e ’m fradharc a’ Chaisteil agus chunnaic e Seann duine ’tighinn ’n a choinneamh. An uair a thachair iad thubhairt an Seann duine, “A Mhic Righ Éirionn, is mòr do naigheachd na ’n robh fhios agad fhéin oirre. Ach tha iad ann, agus gabhaidh iad faotainn. Tha mòran chruadal agad ri dhol troimhe, ach gheibh thu asta gu léir ma bhitheas tu cruadalach, dìleas, agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa. Ach thig a ’s tigh, agus fanaidh tu maille riumsa ’nochd, agus innsidh mise dhuit rud a bhitheas a chum d’ fhéum.” Lean e ’n Seann duine ’s tigh do Chaisteal Mòr Eilean Faileas nan Réul. “Nis,” ars’ an Seann duine, “tha thu air turus nach ’eil furasta dhuit a dheanamh. Bhòidich thu nach pòsadh tu gus am faiceadh tu bean a bhitheadh cho bòidheach ri Eala Bhàn a’ Mhuineil Réidh. Is i sin Nighean Òg Righ a’ Churraichd Ruaidh a tha fuireachd ’an Eilean Mòr Spiorad a’ Cheò. Tha bràthair dhomhsa ’fuireachd an sin, agus bithidh sinn aige ’n [TD 172] ath oidhche, agus innsidh esan duit gu dé ’bhitheas agad r’ a dheanamh ’n a dhéigh sin. An uair a théid thu air bòrd Gonachridhe cuiridh tu ’m mèuran so air barr na saighde, agus leigidh tu as e dìreach anns an athar, agus an rathad a bhitheas am mèuran a’ coimhead an uair a thuiteas e leagaidh tu cùrsa a’ bhàta. Falbhaidh mise leat, oir cha mhisd’ thu mo chuideachadh. Ach bithidh an cùmhnant so agam ort mu ’m falbh mi, gu ’n cuir thu air tìr mi ’n so ’n uair a thilleas tu.” Moch air an ath mhadainn chaidh iad air bòrd Gonachridhe. Chuir Mac Righ Éirionn am mèuran ’am barr na saighde, leig e ’n t-saighead as dìreach anns an athar, agus an rathad a bha ’m ’mèuran a’ coimhead an uair a thuit e leag e cùrsa na luinge. Sheòl iad air an aghaidh fad an là air a’ chuan. Aig cromadh na gréine chunnaic iad fearann air thoiseach orra, agus rinn iad dìreach air. An uair a ràinig iad an cladach thubhairt a’ chéud Sheann duine ri Mac Righ Éirionn, “Am bheil do shnàthad agad?” Fhreagair e gu ’n robh. “Gleidh gu cùramach i, oir is i céud dhearbhadh do dheuchainnean.” Thubhairt an dara Seann duine, “Am bheil do mhèuran agad?” “Tha,” arsa Mac Righ Éirionn. “Gleidh gu cùramach e, oir is e dara dearbhadh do dheuchainnean. Theid thu nis air tìr, agus cumaidh tu dìreach air d’ aghaidh gus an ruig thu caisteal mòr. Ma choinnicheas mo bhràthair thu mu ’m bi thu aig a’ Chaisteal bitheadh deagh mhisneach agad, ach mur coinnich is droch comhar e air do shoirbheachadh ’na dhéigh sin. Fanaidh sinne ’n so gus an till thu.” Léum Mac Righ Éirionn air tìr, agus dh’ fhalbh e air a thurus a dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil. Bha fhios aige gu ’n robh an Caisteal an àit’ éiginn ’s an Eilean, ach cha robh e ’g a fhaicinn. Bha e’ cumail a shùla gu géur roimhe féuch am faiceadh e ’n duine ’tighinn. Ach an àite Caisteil no duine ’s ann a chunnaic e badan do cheò druidheachd air thoiseach air. Cha deachaidh e ro fhad’ air aghaidh ’n uair a sgaoil am badan ceò, agus a dh’ fholuich e bhuaith’ an dà chuid talamh agus athar. Thubhairt e ’n so ris féin gu ’n robh e deas, a chionn nach b’ urrainn e ’n Caisteal fhaicinn, agus nach b’ urrainn duin’ anns a’ Chaisteal esan fhaicinn tromh ’n cheò. Anns an eagal sin sheas e fàr an robh e. ’An ùine ghoirid thàinig oiteag [TD 173] fhann ghaoith bharr na mara a sguab air falbh an ceò, agus an uair a chaidh an ceò seachad chunnaic e ’n Caisteal air thoiseach air. Chum e dìreach g’ a ionnsaidh, ach cha robh duine ri fhaicinn roimhe. An uair a thàinig e fo dhubhar bhallachan a’ Chaisteil thug e ’n aire do Sheann duine ’tighinn a mach air an dorus, agus a’ gabhail ’n a choinneamh. Thubhairt an Seann duine, “A Mhic Righ Éirionn, ghabh thu ’n t-eagal, ach na caill do mhisneach. Tha mòran agad ri dhol troimhe fhathast, mu ’m faigh thu Deàrsadh-gréine. Ach thig a ’s tigh, agus innsidh mise dhuit ni éiginn a bhitheas a chum d’ fhéum.” Chaidh e ’s tigh. “Nis,” ars’ an Seann duine, “so dhuit siosar, agus so bogha agus saighead. Anns a’ mhadainn am màireach seasaidh tu air a’ Chreig Mhòir a tha cùl a’ Chaisteil, agus cuiridh tu ’n siosar’ air barr do shaighde, agus leigidh tu as i dìreach anns an athar. An rathad a bhitheas an siosar a’ coimhead an uair a thuiteas e sin an rathad a dh’ fhéumas tusa d’ aghaidh a chur. Is iad na trì Ealachan a chunnaic thu trì nigheannan Righ a’ Churraichd Ruaidh a tha ’fuireachd fad’ air falbh anns an Eilean so. Tha e ’g an gleidheadh fo gheasaibh gus an tig curaidh g’ an iarraidh mar tha thusa. An sin togaidh e na geasan diù, agus bithidh iad ’n an trì òighean maiseach. Thàinig iomad curaidh romhads’ air an son, ach bha na déuchainnean a leagadh orra cho cruaidh a ’s nach do bhuanaich aon aca té de na h-igheannaibh. Ach o ’n fhuair thusa air d’ aghaidh cho fada ri so cuidichidh mise leat ’an aon ni ’is urrainn mi ’dheanamh air do shon. Tha na trì ealachan a’ snàmh an ceart uair so air Lochan Sèamh Gàraidh Mhòir Chraobh nan Ùbhlan Òir ’s an Eilean Uaine ’n iomall an Domhain Toir. An uair a ruigeas tu ’n Lochan èulaidhidh tu orra le d’ shaighead, cuiridh tu do shnàthad ’n a barr, agus cuimsichidh tu i air an té air am bheil do mhiann. Cho luath ’s a bheanas an t-snàthad dhi itealaichidh an trì air falbh o ’n Loch, agus cha stad iad gus an ruig iad Caisteal Mòr Righ a’ Churraichd Ruaidh, an athair.” Air an ath mhadainn chaidh e mach, agus ràinig e mullach na Creige Mòire ’bheir cùl a’ Chaisteil. Chuir e ’n siosar air barr na saighde, agus leig e as dìreach anns an athar i, agus ’n [TD 174] uair a thuit i bha ’n siosar a’ coimhead air a’ mhuir fo ’n àite s an robh e ’n a sheasamh. An sin dh’ fhalbh e ’n rathad a bha ’n siosar a’ coimhead gus an d’ ràinig e taobh na mara. Ach ni b’ fhaide na sin cha b’ urrainn e dol. Thubhairt e ’n so ris féin gu ’n tilleadh e, agus gu ’n tugadh e leis Gonachridh. Ach mu ’n d’ fhalbh e thug e sùil agus chunnaic e a’ Mhaighdean-mhara ’n oir na tuinne air thoiseach air. “A Mhic Righ Eirionn,” thubhairt i, “tha thu smaointeachadh air tilleadh agus Gonachridh a thabhairt leat do ’n Eilean Uaine, ach cha dean i ’n gnothuch dhuit. Oir cho luath ’s a dh’ fhalbhadh tu leatha dh’ éireadh ceò drùidheachd bharr an Eilein, agus chuireadh e cho fad’ air seachran sibh ’us nach ruigeadh sibh fearann gu bràth. Ach an là ’thug thu dhomh-sa mo chochull gheall mi ’bhi ’m bhan-charaid mhaith dhuit, agus cuideachadh leat ’an àm do chruaidh-chàis. Agus a nis ni mi fuasgladh ort as a’ chàs anns am bheil thu. Thig agus suidh air an earball agamsa, agus cha chuir ceò druidheachd Eilein Mhòir Spiorad a cheò mis’ air seachran gus an cuir mi thu air tìr gu sàbhailt’ anns an Eilean Uaine ’n iomall an Domhain Toir. Ach ged chuireas mi ’n sin thu cha toir mi as thu. Theid an Seann duine leis an robh thu ’n raoir air bòrd Gonachridhe còmhla ri càch, agus ruigidh iad thu ’n àm d’ fhéuma. Ach, a Mhic Righ Éirionn, seall nach caill thu do mhisneach gus an tig iad.” An sin shuidh e air earball na Maighdein-mhara. Chuir ise a h-aghaidh ris a chuan, agus shnàmh i air falbh le luathas mòr. Cha deachaidh iad ro fhad’ air an aghaidh ’n uair a thug esan an aire do bhadan ceò ag éiridh bharr an Eilein. Bha ’n ceò ’tighinn ’n an déigh, agus a’ buidhinn orra gu luath. An ùine ghoirid rug e orra, agus chòmhdaich e iad féin agus a’ mhuir. Agus bha e cho dòmhail ’us nach faiceadh e bho h-earball ceann na Maighdein-mhara. An sin thubhairt i, “A Mhic Righ Éirionn, gu dé ’dheanadh tu féin agus do Ghonachridh a nis?” “Oh, gu dé ach gu ’n caillinn mo chùrsa, agus nach bitheadh fios agam ceana ’bhithinn a’ dol,” ars’ esan. Dh’ fhàs an ceò ro thiugh agus ro dhorcha ’nis, agus thubhairt a’ Mhaighdean-mhara ris, “Ge b’ e nì a chì no chluinneas tu féuch nach caraich thu do cheann a null no’ nall, agus nach freagair thu [TD 175] facal a théid a ràdh riut gus am bruidhinn mise. Is coingeis leamsa falbh air uachdar na mara no fo ’n mhuir. Tha mi ’nis dol a chur mo chinn fodha, agus an sin cha chuir ceò Eilein a’ Cheò as mo chùrsa mi.” Air dhi so a ràdh thug i a ceann fo ’n uisge, agus dh’ fhalbh i le luathas mòr. Bha Mac Righ Éirionn ’g a fhaicinn féin ’n a ònar a nis, agus bhuail eagal gu ’m faodadh e tuiteam bharr earbaill na Maighdein-mhara e. Ach chuimhnich e air a comhairle, agus rinn e mar dh’ iarr i air. Cha deachaidh iad ro fhad’ air an aghaidh ’n uair a dh’ fhairich e plub laimh ris. Thug e claon-shùil thar a ghualainn, agus bha leis gu ’m fac’ e boirionnach anns an uisge. An sin chunnaic e làmh anns an uisge, agus chual e guth ’g ràdh, “A Mhic Righ Éirionn, thoir dhomh do làmh, oir tha mi ’g am bhàthadh.” Dhì-chuimhnich e ’s an àm a ghealladh, agus bha e dol a bhreith air laimh oirre ’n uair a chuir a’ Mhaighdean-mhara a ceann an uachdar, agus a ghlaodh i ris, “A Mhic Righ Éirionn, thoir an an aire ort féin, agus cuimhnich cean’ a tha thu ’dol. Tha thu féin ’an cunnart a ’s mò gu mòr na tha ’n té sin. Is coingeis leatha muir no athar. Seall gu ’m bi thu air d’ fhaicill nach tig i rathad eil’ ort.” Air dhi so a ràdh thug i ’ceann fodha rìs, agus shiubhail i le luathas anabarrach gus an do ghlan an ceò air falbh. Thug i ’n sin a ceann an uachdar, agus dh’ fhalbh i air aghaidh na mara gus an d’ thàinig iad an sealladh fearainn. Cho luath ’s a chunnaic Mac Righ Éirionn am fearann air thoiseach air dh’ éirich inntinn cho mòr ’us gu ’n do chaill e cuimhn’ air gach eagal agus àmhghar tromh ’n d’ thàinig e. An uair a bha iad a’ dlùthachadh ri tìr thàinig faoileann ag itealaich os a cheann, agus thubhairt i ris, “A Mhic Righ Éirionn, so dhuit sgrìobhadh: éirich agus beir air uam.” Ach chuimhnich e ’ghealladh, agus cha do fhreagair e i. “A Mhic Righ Éirionn,” ars’ i rithist, “beir air an sgrìobhadh uam, agus innsidh e dhuit rud air nach ’eil fhios agad.” Ach chuimhnich e ’n dara h-uair air a ghealladh, agus cha do fhreagair e i. An uair a bha iad fagus do thìr thug àilleachd an fhearainn air thoiseach orra, agus briadhad nan craobh fo ’m meas aire gu buileach o gach ni a dh’ iarradh air agus a gheall e ’dheanamh. Anns an [TD 176] doille sin theirinn an fhaoileann an treas uair, agus thubhairt i, “A Mhic Righ Éirionn, beir air an sgrìobhadh so, oir is ann o d’ mhuime ’tha e, ’g a d’ chuireadh gu banais do bhràthar.” Cho luath ’sa chual e ainm a bhràthar ’g a luaidh thug e éiridh air féin, agus shìn e ’làmh a bhreith air an sgrìobhadh. Dh’ fhairich se e féin ag aomadh thairis, agus a’ dol a thuiteam anns an uisge. Bha fhios aige na ’n tuiteadh e ’s an uisge gu ’m bitheadh e caillte. Ach thug a’ Mhaighdean-mhara ’n aire ciod a bha dol a thachairt, agus ghlaodh i ris a rìs, “A Mhic Righ Éirionn, nach cuimhnich thu do ghealladh?” Ach dh’ aom esan cho fada thairis ’us gu ’m b’ ann ’s an uisge ’bhitheadh e mur bhi gu ’n robh e cho dlùth do thìr, agus gu ’n do thilg i le aon bhreab d’ a h-earball air talamh tioram e. “Nis,” thubhairt i, “tha thu air tìr. Seall gu ’m bi thu dìleas, agus nach dìchuimhnich thu ni a thubhairt mise riut. Na caill do mhisneach, oir thig Gonachridh gu d’ iarraidh. Théid thu air d’ ais leatha gu Eilean Mòr Spiorad a’ Cheò. ’Nuair a ruigeas tu ’n t-Eilean sin coinnichidh Righ a’ Churraichd Ruaidh le thrì nigheannaibh thu air a’ chladach, agus their e riut gu dé ’tha thu ’g iarraidh, no gu dé ’th’ agad r’ a thabhairt seachad. Their thu ris ma thig e féin agus a nigheannan air bòrd gu ’n leig thu fhaicinn doibh gu dé ’th’ agad. Thig iad, agus sìnidh tu ’n t-snàthad do ’n Righ, agus innsidh an treas Seann duine dhuit gu dé ’ni thu ’n a dhéigh sin. Cuir do bhogha ’s do shaighead ’an òrdugh, agus siubhail romhad gu Lochan Sèamh Gàraidh Mhòir nan Ùbhlan Òir, agus féuch gu ’m bi do chuimse math. Aon chomhairl’ eile: Air muir no air tìr, ’an cruaidh-chàs no ’n éiginn air bith ’s am bi thu seall nach dìchuimhnich thu do ghealladh ’am fad a’s beò thu. Mo bheannachd leat. Cha-n eil féum tuillidh agad ormsa.” Dh’ falbh e ’n sin a dh’ ionnsaidh an Lochain. Mar bha e dol air aghaidh bha gach ni a’ fàs ni ’bu bhriadha gus mu dheireadh an robh aìlleachd nan craobh agus bòidhichead an fhearainn a’ cur as aire ’n gnothuch a bha roimhe. Ach ghrad chuimhnich e comhairle na Maighdein-mhara ’bhi air ’fhaicill a’ ruigsinn an Lochain. Sùil g’ an tug e air thoiseach air chunnaic e ’n Lochan agus na trì Ealachan a’ snàmh air [TD 177] ’uachdar. Ghrad leig e air a ghlùinibh e féin, agus dh’ fhalbh e a’ màgaran agus a’ cumail gach craobh agus tolman a thachradh air eadar e agus iadsan gus an d’ fhuair e ’an astar urchair saighde dhoibh. Chuir e ’n sin a shaighead ’an crois, tharrainn e ’n taifeid, agus le cuimse cho math ’s a b’ urrainn e ’ghabhail leig e air falbh i. Ruith an t-saighead troimh iteach dhroma Eala Bhàn a’ Mhuineil Réidh, agus le sgriach ghointe léum i anns an athar, agus dh’ itealaich i air falbh ’s an dithis eile ’g a leantainn. Chum e a shùil an taobh a ghabh iad gus an deachaidh iad cho fad’ air falbh bhuaith ’s gu ’n do chaill e sealladh orra. Cha robh aige ’n sin ach falbh an taobh a ghabh iad, agus chum e air gus an d’ ràinig e taobh na mara. N’ a b’ fhaide na sin cha b’ urrainn e dol. Bha e ’siubhal air ais agus air aghaidh, a’ cumail a shùl anns gach oisinn, feuch am faiceadh e a’ Mhaighdean-mhara, ach gus an do chuimhnich e gu ’n d’ thubhairt i ris nach faiceadh e ise tuillidh. An sin thug e togail air a shùil ris a’ mhuir, agus chunnaic e Gonachridh a’ tighinn. Dh’ éirich a mhisneach, ghabh e dìreach ’n a coinneamh, agus b’ iad na céud fheadhainn a chunnaic e air bòrd oirre na trì Seann bhràithrean. Cho luath ’s a ràinig Gonachridh an cladach chaidh e air bòrd, agus dh’ iarr e air an Sgioba ’cur mu ’n cuairt. Rinn iad sin. Shuidh e féin an sin aig an stiùir, agus leag e cùrsa na luinge cho dìreach ’s a b’ urrainn e ’n taobh a ghabh na h-ealachan. Chum e oirre gus am fac’ e fearann fad’ as a’ tighinn ’s an fhradharc’, ach ma b’ fhada bhuaith’ e cha b’ fhada ’ga ruigheachd. An uair a bha iad dlùth do thìr thubhairt an treas Seann duine, “A Mhic Righ Éirionn, cho luath ’s a ruigeas sinn an cladach chi sinn Righ a’ Churraichd Ruaidh agus a thrì nigheannan a’ feitheamh oirnn. Is e a’ cheud ni a dh’ fheòraicheas e dhìot ‘gu dé ’tha thu ’g iarraidh no gu dé ’th’ agad r’ a thabhairt seachad?’ Bheir thu ’n aire nach téid thu air tìr, ach their thu ris ma thig e féin agus a nigheannan air bòrd gu ’n leig thu fhaicinn doibh cuid de na nithibh a th’ agad ri thabhairt seachad. Thig iad air bòrd, agus sìnidh tu [TD 178] ’n sin do ’n Righ an t-snàthad an toiseach, am mèuran a rìs, agus an Siosar mu dheireadh. An sin sìnidh esan iad aon an déigh aon do thé mu seach d’ a nigheanaibh o ’n té a ’s sine gus an té ’s òige. Agus ma ghleidheas do roghainn-s’ iad bitheadh misneach mhath agad.” Ràinig iad tìr, agus fhuair iad Righ a’ Churraichd Ruaidh agus a thrì nigheannan a’ feitheamh orra mar dh’ innis an Seann duine. Thug Mac Righ Éirionn sùil orra, agus an uair a chunnaic e Nighean Òg Righ a’ Churraichd Ruaidh thubhairt e, “Sin mo roghainn-sa, oir tha i cho briadha ’m shealladh ri Eala Bhàn a’ Mhuineil Réidh.” An sin ghlaodh Righ a’ Churraichd Ruaidh, “A Mhic Righ Éirionn, gu dé ’tha thu ’g iarraidh an so, no gu dé ’th’ agad r’ a thabhairt seachad?” Fhreagair Mac Righ Éirionn, “Tha mi ’g iarraidh agus bheir mi seachad. Ma thig thu féin agus do nigheannan air bòrd chi sibh cuid de na nithibh a th’ agam ri thabhairt seachad.” Thànaig iad air bòrd. Shìn Mac Righ Éirionn a shnàthad do Righ a’ Churraichd Ruaidh. Dh’ amhairc an Righ oirre, agus shìn e i d’ a Nighinn Mhòir. Cha do ghabh an Nighean Mhòr ach beag suim dhi, agus shìn i do ’n Nighinn Mheadhonaich i. Cha do ghabh an Nighean Mheadhonach tuillidh suim dhi na ghabh an té mhòr, agus shìn i do ’n Nighinn Òig i. Ghabh an té so tlachd mòr dhi, agus cha d’ fhàg i crò no barr air nach do choimhead i. An uair a thàinig an t-àm dhi a sìneadh air a h-ais bha i mar gu ’m bitheadh i duilich dealachadh rithe. Thug Mac Righ Éirionn so fainear, agus thubhairt e rithe ma bha tlachd ’s am bith aice do ’n t-snàthaid gu ’m faodadh i a gleidheadh. Shìn e ’n so am mèuran do ’n Righ, shìn an Righ e d’ a Nighinn Mhòir, agus shìn na h-igheannan e d’ a cheile gus an d’ fhàgadh e aig an Nighinn Òig mar dh’ fhàgadh an t-snàthad. An sin shìn e ’n Siosar do ’n Righ, agus dh’ fhuirich e còmhla ris na rudan eile aig an Nighinn Òig. “Nis,” arsa Righ a’ Churraichd Ruaidh, “a Mhic Righ Éirionn, ghabh thusa gaol air Eala Bhàn a’ Mhuineil Réidh, agus thug thu bòid ’an Eirinn nach stadadh tu agus nach gabhadh tu tàmh gus am faiceadh tu boirionnach cho briadh’ [TD 179] ann ad shealladh ris an Eala. Chunnaic thu nis i, agus is i sin Deàrsadh-gréine, mo Nighean Òg-sa, agus roghnaich ise thu le d’ shnàthaid, le d’ mhèuran, agus le d’ shiosar. Ach mu ’n d’ thàinig thusa thàinig iomad aon ’g a h-iarraidh nach do thill agus nach d’ fhuair i; agus cha-n fhaigh thus’ i gus an coisinn thu i le déuchainnean a ’s cruaidhe na so fathast. Thig air tìr, agus falbh leamsa ’dh’ ionnsaidh mo Chaisteil, agus ma bhuidhneas tu i anns gach déuchainn a chuireas mis’ ort gheibh thu i.” Thionndaidh Mac Righ Éirionn r’ a sgioba, agus thubhairt e riù, “Cha-n ’eil fhios agamsa c’ uin’ a thilleas mi, ach bitheadh Gonachridh agaibhsa deas a dh’ fhalbh a là agus a dh’ oidhche. Cha till mise gun Deàrsadh-gréine maille rium.” Léum e ’n sin air tìr, agus an treas Seann duine còmhla ris. Chum iad air an aghaidh gus an d’ ràinig iad Caisteal Righ a’ Churraichd Ruaidh. Thug an Righ a ’s tigh iad do sheòmar briadha, tharrainn e ’mach bòrd air meadhon an ùrlair, agus fhuair e a dhìsnean. “Nis,” ars’ e, “a’ Mhic Righ Éirionn, theid thu chluich còmhla riumsa, agus ma choisneas tu Deàrsadh gréine ormsa bithidh do chéud déuchainn seachad, ach ma chailleas tu caillidh tu do bheatha.” Thòisich a’ chluich, agus bhuidhinn Mac Righ Éirionn tri uairean an déigh a cheile air Righ a’ Churraichd Ruaidh. “Mata,” arsa Righ a’ Churraichd Ruaidh, “choisinn thu i le cluich nan dìsne, ach cha-n fhaigh thu i le sin fathast. Féumaidh tu déuchainn eile a sheasamh, agus mur buidhinn thu tri uairean an déigh a cheile caillidh tu do bheatha ris.” Tharrainn e ’n sin brat-sgàil eadar dà thaobh an t-seòmair, agus chuir e a thriùir nigheannan air dara taobh a’ bhrait agus dh’ fhuirich e féin le Mac Righ Éirionn air an taobh eile. “Nis,” thubhairt e ri Mac Righ Éirionn, “stobaidh mo nigheannan an t-snàthad tromh ’n bhrata tri uairean, agus ma bheireas tus’ oirre ach ’n uair a bhitheas i aig mo Nighinn Òig caillidh tu do bheatha.” Ach bha fhios aig Deàrsadh-gréine romh laimh air an déuchainn, agus chagair i romh laimh ’an cluais Mhic Righ Éirionn gu ’m b’ e crò na snàthaid a chumadh ise ris. Chaidh Righ a’ Churraichd Ruaidh a ’s tigh fo ’n bhrat, agus thug e am mèuran do thé d’ a nigheanaibh. Thill e ’n sin a mach, agus [TD 180] thubhairt e ri Mac Righ Éirionn, “Beir air an t-snàthaid.” Thubhairt Mac Righ Éirionn, “Cha bheir mi oirre uaipe sin fathast.” Chaidh an Righ a ’s tigh an dara h-uair, agus thug e ’n siosar do thé eile. Thàinig e ’n sin a mach, agus thubhairt e ri Mac Righ Éirionn, “Beir air an t-snàthaid.” Fhreagair Mac Righ Éirionn a rìs, “Cha bheir mi oirre uaipe sin fathast.” Chaidh an Righ a ’s tigh an treas uair, agus thug e ’n t-snàthad d’ a Nighinn Òig. Thàinig e mach, agus dh’ iarr e air Mac Righ Éirionn breith oirre. Chaidh Mac Righ Éirionn a null, agus an uair a chunnaic e crò na snàthaid tromh ’n bhrat rug e oirre. “Rinn thu ’n gnothuch,” arsa Righ a’ Churraichd Ruaidh, “agus gheibh thu i.” Chaidh am pòsadh a dheanamh gun dàil, agus an déigh dha ’bhi seachad thubhairt Righ a Churraichd Ruaidh ri Mac Righ Éirionn, “Ma theannas tu ri teicheadh air falbh as an Eilein bithidh do bheatha féin agus beatha do mhnatha ris.” Thug Mac Righ Éirionn ùine mhath ’s an Eilean, ach bha ’n Sgioba daonnan a’ gleidheadh Gonachridh deas airson falbh. Air oidhch’ àraidh an déigh do Righ a’ Churraichd Ruaidh tuiteam ’n a chadal thubhairt Deàrsadh-gréine r’ a fear, “’S e nis d’ àm agus do chothrom, agus mur gabh thu iad cha-n fhaigh thu iad gu bràth tuillidh.” “Togaidh sinn oirnn, agus falbhaidh sinn mata,” ars’ esan. Dh’ fhalbh iad, agus ràinig iad an cladach. Chaidh iad an sin air bòrd Gonachridh. Ach cho luath ’s a bhean cas Deàrsadh-gréine dhi ghlaodh Righ a’ Churraichd Ruaidh ’n a leaba, “Dh’ fhalbh Gonachridh, agus theich Mac Righ Éirionn le m’ nighinn.” Ach chaidh an Nighean Mhòr a’ s tigh, agus thubhairt i ris, “Cha do theich; cha-n ’eil thu ach a’ cluinntinn fuaim na gaoithe ’dol tromh chraobhan a’ ghàraidh.” Cho luath ’s a chuir Gonachridh mar sgaoil ghlaodh e rithist, “Tha Gonachridh air falbh, agus theich Mac Righ Éirionn le m’ Nighinn Òig. Ach bheir mis’ air nach teid e fada gus am bi sin daor da.” Léum e mach, agus dh’ fhalbh e as an déigh. Dh’ aithnich Deàrsadh-gréine gu ’n robh e ’tighinn, agus thubhairt i r’ a fear, “Tha m’ athair a’ tighinn, agus mur bi thu cruaidh cuiridh e [TD 181] fodha ’m bàta agus bàthaidh e sinn uile, a chionn cha-n ’eil a bhàs air an t-saoghal ach ’an aon bhall-dóbhrain a th’ air ’am bonn-dubh (1) na coise.” Chunnaic iad e a’ tighinn ’n an déigh air an t-snàmh, agus a’ cur na mara ’n a sradan teine air thoiseach air. Cha b’ urrainn Mac Righ Éirionn cuimse fhaotainn air bonn a choise cho fad ’s a bha e ’n a dhéigh. Ach an uair a bha e tighinn a nìos ri taobh a’ bhàta léum Deàrsadh-gréine agus spìon i ’m bogha agus an t-saighead a lamhan a fir. Chum i ’n sin an t-saighead ri bonn coise a h-athar, agus an uair a bha e dol seachad oirre chuir i anns a’ bhall-dóbhrain i. Chuir esan car dh’ e anns a’ mhuir, agus bha e marbh. Thionn Deàrsadh-gréine ’n sin r’ a fear, agus thubhairt i ris, “A Mhic Righ Éirionn, bi dileas dhomh as a dhéigh so, oir mharbh mi m’ athair air do shon.” Chum iad air an aghaidh gu Eilean Mòr Faileas nan Réul, agus chuir iad air tìr an dara Seann Duine. Cho luath ’s a bhuail a chasan an cladach thionndaidh e agus thubhairt e, “A Mhic Righ Éirionn, o ’n bha thu cho math ’s do ghealladh dhòmhsa fanaidh tu air aoidheachd còmhla riumsa ’nochd.” Dh’ fhalbh Mac Righ Éirionn leis an t-Seann Duine, agus ràinig iad a Chaisteal. B’ e sin an Tigh Mòr àlainn nach fhac e riamh a leithid. Bha pailteas do gach biadh agus deoch a b’ fhearr na chéile ri fhaotainn a ’s tigh, agus bha faileas nan réul ri fhaicinn ann a mach. Aig an t-suipeir thubhairt an Seann Duine, “A Mhic Righ Éirionn, mur bhi mo bhràthair agus buaidh a shiosair cha d’ fhuair thu Deàrsadh-gréine.” Air an ath mhadainn dh’ fhàg iad beannachd aig an t-Seann Duine, agus dh’ fhalbh iad le Gonachridh. Chum iad air an aghaidh gus an d’ ràinig iad Eilean Mòr nam Muca-mara. Chuir iad a’ chéud Sheann Duine air tìr, agus cho luath ’s a bhuail a bhuinn an cladach thionndaidh e mu ’n cuairt, agus thubhairt e, “A Mhic Righ Éirionn, fhuair thu leat Deàrsadh-gréine, ach mur bhi mo dhara bràthair agus buaidh a mhéurain cha d’ fhuair thu i. Agus mur bhi mi féin agus mo shnàthad cha d’ amais thu riamh air an àite ’s an robh i. Ach so Eilean mo ghaoil agus Eilean mo ghràidh! Cha d’ fhuair mi (1) Seang a’ bhuinn, i.e., the slender part of the sole.—J. M’D. [TD 182] mo leòir o ’n dh’ fhàg mi e.” An sin shìn e a làmh, agus thug e nuas a sgeilp creige slat mhòr iasgaich le driamlaich agus le dubhan, agus le cliob air an dubhan. Thug e aon siabadh mòr leatha mach air an loch, agus dh’ iasgaich e muc-mhara, agus dh’ ith e i. Thug e ’n sin siabadh an déigh siabaidh, agus mu ’n deachaidh Gonachridh a fradharc an Eilein dh’ iasgaich agus dh’ ith e seachd muca-mara! Sheòl Mac Righ Éirionn air ais a dh’ ionnsaidh a’ cheart chalaidh ’an Éirinn o ’n d’ fhalbh e. An uair a bha e ’dol air tìr thuirt Deàrsadh-gréine ris, “Tha thu ’nis a dol do thigh d’ athar fàr am bheil banais do bhràthar gu bhi air a gleidheadh an nochd. Cho luath ’s a chi a’ ghalla mhial-choin thu tighinn ruithidh i a’ d’ choinneamh, ach bheir thu ’n aire nach bean i do mhìr a d’ aodann no ’d’ chraicionn, oir ma bheanas cha bhi cuimhn’ agad gu ’m fac thu mise riamh.” “A Dheàrsadh-gréine,” thubhairt e, “cha-n ’eil ni air an t-saoghal a chuireas tus’ as mo chuimhne-sa.” “Cuimhnich mata ciod a thubhairt mi riut, agus soirbheachadh math dhuit.” Dh’ fhalbh e, agus an uair a bha e ’dlùthachadh ri Caisteal athar thàinig a’ ghalla ’n a choinneamh, agus mu ’n d’ fhuair e a làmh a thogail léum i, agus bhuail i e le ’gnos anns a’ bhéul. Air ball dhìchuimhnich e gu ’m fac e Deàrsadh-gréine riamh. Bhuail e ’s tigh do ’n chuideachd, agus rinn athair othail mhòr ris, agus nochd a mhuime tuillidh caoimhneis d ’a na rinn i riamh roimhe. Thubhairt Déarsadh-gréine ri Sgioba Gonachridh, “Dh’ fhalbh am fear ud, phòg a’ ghalla mhial-choin e, agus dhìchuimhnich e gu ’m fac e mise riamh. Cha till e ’n so gus an téid mis’ as a dheigh, agus an toir mi air ais e. Ach fanaidh sibhse air bòrd Gonachridh gus an tig mi.” Dh’ fhalbh i ’n sin air tìr, agus ràinig i tigh Seann ghobhainn a bh’ aig an Righ. Dh’ iarr i cead fuireachd ’s an tigh, ach dhiùlt e sin d’i an toiseach, a chionn nach robh àite freagarrach aige d’ a leithid do bhean-uasail. Thubhairt i gu ’n cuireadh i féin an tigh ’an uidheam na ’n leigeadh esan fuireachd dh’ i. Dh’ iarr e oirre dol a ’s tigh, agus thubhairt e na ’m faigheadh i cead a mhnatha nach bitheadh esan ’n a h-aghaidh. Chaidh i ’s tigh, agus an uair a chunuaic bean a’ ghobhainn [TD 183] àilleachd a’ bhoirionnaich thuirt i gu ’m b’ e a beatha fuireachd na ’n deanadh i i féin toilichte ’n a leithid do dh’ àite. Chuir i tigh a’ ghobhainn ’an uidheam anabarrach briadha le fùirneis agus leis gach ni a bha féumail ann an tigh. Bha tobar mòr laimh ris an lùchairt, agus b’ ann as a bha ’n t-uisg’ air a tharrainn airson féum an Righ. Bha Deàrsadh-gréine gach feasgar a’ gabhail sràid rathad an tobair ’an dòchas gu ’m faiceadh i a fear, ach cha d’ fhuair i sealladh dh’ e. Air là àraid dh’ iarr i air a’ ghobhainn coileach òir agus cearc òir a dheanamh dhise. Thubhairt an gobhainn nach robh de dh’ òr aigesan na dheanadh coileach agus cearc. Thubhairt i ris gu ’n tugadh i féin da na dh’ fhoghnadh. Fhuair an gobhainn an t-òr, agus thòisich e air a’ choileach, ach dh’ fhairslich air a dheanamh. An sin dh’ iarr i ’an t-òrd air, agus ’an ùine ghoirid bha ’n coileach aice deas, agus an sin rinn i a’ chearc. Lìomh an gobhainn iad dhi, agus an deigh sin thug i leatha iad a ’s tigh. An ath oidhche chaidh i a dh’ ionnsaidh an tobair. An déigh dhi a ruigsinn thàinig Àrd-bhuidealair an Righ a dh’ iarraidh uisg’ a ghlanadh casan an Righ. An uair a chróm e os ceann an tobair chunnaic e faileas Dheàrsadh-gréine ’s an uisge. Air ball ghabh e gaol oirre, agus cha deanadh ni air bith an gnothuch ach gu ’m faigheadh e i r’ a pòsadh. Dh’ fheòraich i dh’ e cò e? Fhreagair e gu ’m b’ esan Àrd-bhuidealair an Righ. Thubhairt i ris gu ’m pòsadh i e air chùmhnantan. “Gu dé na cùmhnantan a dh’ iarradh tu nach fhaigheadh tu?” thubhairt esan. “Mata, ’s iad na cùmhnantan a bhitheas agam ort gu ’m faigh mi romh laimh céud bonn òir agus searrag de dh’ fhìon an Righ, agus gu ’m fair thu taobh mo leapa gu madainn. Ma ni thu sin pòsaidh mi thu ’m màireach.” Gheall e dhi gach ni a dh’ iarr i air. Thàinig e ’n oidhche sin a dh’ fhaireadh, agus thug e dhi céud bonn òir agus searrag fhìona. Thubhairt i ris gu ’n robh e ’n a chleachdainn aicese greis cluiche ’bhi aice mu ’n rachadh i ’laidhe. Fhuair i ’n sin an coileach agus a’ chearc, agus chuir i air a’ bhòrd iad. Léum an coileach agus thug e pioc as a’ chirc. “Oh,” thubhairt a’ chearc, “cha b’ e [TD 184] do chomain, agus gu d’ chùm mi crò na snàthaid riut.” Thug an coileach pioc eil’ as a’ chirc. “Oh,” thubhairt a’ chearc, “cha b’ e do chomain, ’us gu d’ chuir mi air d’ earalas thu romh ’n ghalla mhial-choin.” Chòrd an sealladh ris a’ bhuidealair gu mòr, oir cha-n fhac e riamh roimhe a leithid. An déigh dhi dol a laidhe thubhairt i ris a’ bhuidealair deoch de ’n fhìon a thabhairt di. Chaidh e null a dh’ ionnsaidh bùird a bh’ aig taobh eile ’n t-seòmair, agus rug e air an t-searraig. Thug e ionnsaidh air a togail, ach cha tigeadh i leis. Lean a làmh ris an t-searraig, an t-searrag ris a’ bhòrd agus am bòrd ris an ùrlar, ’us anns an t-suidheachadh sin bha e fad na h-oidhche. Air an ath mhadainn thubhairt am boirionnach ris, “Gu dé ’bha thu ’deanamh an sin fad na h-oidhche? An ann mar sin a tha thu a’ faireadh taobh mo leapa-sa? Bhrist thu na cùmhnantan, agus chaill thu ’n t-òr agus mise.” “Oh,” thubhairt am buidealair, “bha ’n oidhche cho reòta ’us gu d’ lean mo làmh ris an t-searraig, an t-searrag ris a’ bhòrd agus am bòrd ris an ùrlar, ’us as a so cha-n fhaighinn. Tha ’n t-àm dhomh a bhi aig an tigh, oir ma dh’ éireas an Righ mu ’n ruig mi caillidh mi m’ àite.” Ghlaodh am boirionnach air a ghobhainn agus thàinig e. Rug e air a’ bhuidealair agus thug e slaodadh fuathasach air, ach cha tigeadh e leis. Fhuair bean a ghobhainn uisge teth, agus dhòirt i mu chasan a’ bhùird e, agus dh’ fhuasgail iad o ’n ùrlar. Dhòirt i ’n sin an t-uisg’ air màs na searraige, agus thàinig an t-searrag o ’n bhòrd, ach ged sgald i lamhan a bhuidealair, cha tigeadh iad o ’n t-searraig. “Oh,” ghlaodh am buidealair, “tha ’n t-àm a suas, agus féumaidh mi falbh. Dé ni mi?” “Oh, falbh mar th’ agad,” thubhairt am boirionnach. “Oh, ma chì ’n Righ an t-searrag caillidh mi m’ àite ris.” “Féumaidh tu, mata, tighinn do ’n cheàrdaich.” Dh’ fhalbh e leatha. Thug i air a’ ghobhainn lamhan a’ bhuidealair a chumail ’s an teine, agus chaidh i féin a shéideadh a’ bhuilg. Cha b’ fhada gus an do ghlaodh am buidealair a leigeil as, a chionn nach b’ urrainn e’ n cràdh a sheasadh ni ’b ’fhaide. An uair a bha ’n ùine fagus do bhi suas thubhairt i, “Feuchaidh mi aon dòigh eil’ ort fhathast.” Rug i ’n sin air màs na searraige, dhòirt i ’m fìon m’ a lamhan, agus thàinig [TD 185] iad o ’n t-searraig. “Mata, bho ’n fhuair mis’ as, cha till mi tuillidh,” ars’ am buidealair, agus dh’ fhalbh e. Air an ath fheasgar choinnich i Àrd-chòcair’ an Righ aig an tobar, agus gheall i esan a phòsadh na ’m faigheadh i céud bonn òir agus poit de bhrot an Righ, agus na ’m faireadh e taobh a leapa gu madainn. Dh’ aontaich e ri so a dheanamh, agus thachair gach ni dhasan mar thachair do ’n bhuidealair ach gu d’ lean a làmh ri brod na poite, am brod ris a phoit, agus a’ phoit ris an ùrlar. Air an treas feasgar choinnich i Àrd ghille-carbaid an Righ, agus dh’ aontaich i esan a phòsadh na ’n tugadh e dhi céud bonn òir, agus gu ’m faireadh e taobh a leapa gu madainn. Thàinig e gu tigh a’ ghobhainn ’s an oidhche. Aig àm dol a laidhe chuir am boirionnach an coileach agus a’ chearc air a’ bhòrd. “Oh, nach bòidheach iad?” ars’ esan. “Am bruidhinn iad?” “Bruidhnidh,” ars’ ise. An sin léum a’ chearc ’us thug i pioc as a’ choileach. “Oh,” ars’ an coileach, “thug thu àit’ an t-seann ghobhainn fo ’n Righ do ghobhainn eile.” “Am bheil sin ceart,” arsa Deàrsadh-gréine ris a ghille-charbaid. “Tha,” ars’ esan. “Mata, bheir thu air ais dha e, mu ’m pòs mise thu.” Cha d’ thubhairt e dad ri so. An sin léum an coileach, agus phioc e ’chearc. “Oh, cha b’ e do chomain, ’us gu d’ chum mi crò na snàthaid riut,” ars’ a’ chearc. An déigh do ’n bhoirionnach dol a laidhe thubhairt i gu d’ dhìchuimhnich i’ n dorus a dhùnadh. “Druididh mis’ e,” thubhairt an gille-carbaid. Dh’ éirich e, agus dhruid e ’n dorus, ach lean a làmh ris a’ chrann, an crann ris an dorus, agus an dorus ris na lùdlain, agus as a sin cha d’ fhuair e fad na h-oidhche. Air an ath mhadainn thuirt i ris mar thuirt i ri càch, agus fhreagair esan mar fhreagair càch. Thàinig an gobhainn agus a bhean, agus dh’ fheuch iad a tharrainn o ’n dorus, ach cha b’ urrainn iad. Dh’ fheuch iad an sin an dorus a tharrainn bharr nan lùdlan, ach dh’ fhairslich sin orra. An uair a bha ’n ùine fagus do bhi mach, agus a fhuair e pailt uibhir cràidh ri càch, rub am boirionnach ìocshlaint r’ a lamhan, agus leig i as e. Air an ath oidhche bha a fear a’ dol a phòsadh bean-uasal [TD 186] àrd-inbheach. Fhuair gach duine mu ’n Chaisteal cuireadh chum na bainnse. An uair a bha iad uile cruinn bha ni-éiginn d’ an dìth, agus b’ e sin cuid-èiginn a bheireadh àbhachd dhoibh le cleasaibh. Thubhairt am buidealair gu ’n robh boirionnach ’an tigh an t-Seann ghobhainn a dheanamh na cleasan a b’ iongantaiche ’chunnaic esan riamh. “Oh tha, oir chunnaic mis’ i,” ars’ an t-Àrd-chòcaire. “Oh, chunnaic agus mise,” ars’ an t-Àrd-ghille-carbaid. “Tha coileach agus cearc aice, agus bruidhnidh iad. Dh’ innis iad dhomhsa gach ni a rinn mi riamh.” “Faigheadh an so i,” ars’ an Righ. Thàinig Deàrsadh-gréine, ach cha d’ aithnich a fear gu ’m fac e riamh i. Chuir i ’n coileach agus a’ chearc air a’ bhòrd. Léum an coileach, agus phioc e a’ chearc. “Oh, cha b’ e do chomain e, ’us gu d’ chum mi crò na snàthaid riut,” ars’ a’ chearc. Léum a’ chearc an sin, agus phioc i ’n coileach. “Oh, cha b’ e do chomain, ’us gu d’ bhuidhinn mi tri uairean thu le m’ shnathaid, le m’ mhèuran, agus le m’ shiosar,” ars’ an coileach. Léum an coileach a rìs, agus thug e pioc as a’ chirc. “Oh, cha b’ e do chomain, ’us gu d’ mharbh mi m’ athair air do shon,” ars’ a’ chearc. Thòisich Mac an Righ a nis air a’ chluasan a bhiorachadh. Léum an coileach agus phioc e a’ chearc an treas uair. “Na dean, oir chuir mi air d’ earalas romh phòig na galla mhial-choin thu,” ars’ a’ chearc. “A Dheàrsadh-gréine! mo ghaol de mhnathan an t-saoghail!” arsa Mac Righ Éirionn, ’us e léum fàr an robh i, a’ cur a làmh an m’ a muineal, agus ’g a pògadh. Dh’ innis e’ n sin do ’n chuideachd gu ’m b’ i Deàrsadh-gréin’ a bhean, agus Nighean Righ a’ Churraichd Ruaidh. Fhuair bean-na-bainnse cead a siubhail, agus chum iad a suas a’ chuilm fad là ’us bliadhna; agus mur d’ fhàg iad an Caisteal o sin tha iad ann fhathast. [TD 187-201] VIII. THE SON OF THE STRONG MAN OF THE WOOD, WHO WAS TWENTY-ONE YEARS ON HIS MOTHER’S BREAST. [Beurla] [TD 202] MAC CEATHARNACH NA COILLE ’BHA BLIADHN’ THAR FHICHEAD AR CÌCH A MHÀTHAR. BHA ann roimhe so duine foghainteach ris an abradh iad Ceatharnach na Coille. B’ e obair an duine so daonnan sealgach nam fiadh, agus tarrainn connaidh dhachaidh gu teine. Air là àraid dh’ fhalbh e a ghearradh craobh mhòr dharaich a chunnaic e ’s a choille ’n là roimhe sin. An uair a bha ’chraobh ag aomadh thairis thuit i air, agus bhrùth i e gu h-uamhasach. Ach bha ’n duine làidir, agus le sin fhuair se e féin a shlaodadh a mach uaipe. An uair a dh’ éirich e ’n a sheasamh air a chasan rug e air bhun air a chraoibh, agus shlaod e i eadar bhun ’us bharr dhachaidh leis. Cho luath ’s a thilg e i bharr a ghualainn aig an dorus thuit e. Thàinig a bhean a mach agus dar chunnaic i mar bha e chuidich i ’s tigh e, agus chuir i e ’n a shuidhe air taobh na leapa. Thug e osna mhòr as an sin, agus thubhairt e gu ’n d’ fhuair esan acaid a bhàis. Bha ’dhòrn dùinte, agus dar dh’ fhosgail se e bha té de dhuircibh an daraich ’n a laimh. Choimhead e oirre, agus an sin shìn e i d’ a bhean. Thubhairt e rithe, “Tha mise ’dol a bhi marbh, ach cuiridh tu ’n duirc so ’an làraich an dùin mu choinneamh an doruis. Tha mac ’dol a bhi agad, agus an oidhch’ a thig am mac chum an t-saoghail bithidh bachlag an duirc a’ tighinn ’am fradharc tromh ’n talamh. Beathaichidh tu air do ghlùn e le sùgh do chléibh ’us do chliathaich gus am bi e cho làidir ’s gu ’n toir e a’ chraobh a chinneas as an duirc as a bun agus as a frèumhaichean.” An déigh dha so a ràdh r’ a bhean laidh e sìos ’us cha d’ éirich e tuillidh. Au uair a thàinig an t-àm bha mac aig a bhoirionnach, agus cho luath ’s a rugadh e dh’ iarr i air a’ bhean-ghlùin dol a mach agus coimhead an robh bachlag air an duirc. Bha bachlag an duirc an déigh bristeadh am mach gu math as an talamh. Rug i air a mac, agus bheathaich i e fad sheachd [TD 203] bliadhn’ air a glùn. An sin thug i mach e a dh’ ionnsaidh na craoibhe, agus thubhairt i ris e ’dh ’fhèuchainn am b’ urrainn e a’ chraobh ud a thabhairt as a bun. Chaidh e ’n carabh na craoibhe, agus thug e crathadh agus spìonadh uamhasach oirre, ach bha i air frèumhachadh cho daingeann anns an talamh ’s nach d’ thug e glidneachadh oirre. An uair a chunnaic a mhàthair gu ’n d’ fhairslich i air, thog i ’s tigh leatha e, agus thug i seachd bliadhn’ eile cìche dha. An sin thug i mach e a dh’ ionnsaidh na craoibhe, agus thubhairt i ris e ’dh ’fhèuchainn co dhiù ’bu treis’ e féin na ’chraobh an diugh. Rug e air bun na craoibhe, agus thug e slaodadh fuathasach oirre, ach bha i air gramachadh cho làidir anns an talamh ’s nach d’ rinn e ’n gnothuch oirre. An uair a chunnaic a mhàthair gu ’n d’ fhairslich i air an dara h-uair, thog i ’s tigh e, agus thug i dha seachd bliadhn’ eile cìche. An sin thug i mach e dh’ ionnsaidh na craoibhe, agus dh’ iarr i air e dh’ fhèuchainn co dhiù ’bu treis’ e féin na chraobh. Thug e sùrdagan uamhasach a null fàr an robh i, rug e oirre le dhà laimh, chrith ’us chrath e i, agus le trì no ceithir a shlaodaidhnean bha i mach as a bun agus as a frèumhaichean aige. Thòisich e ’n sin oirre as a barr, ’us bhrist ’us phronn e i gus an d’ rinn e connadh teine dhi, agus an d’ fhàg e i ’n a dùn aig an dorus. Thubhairt a mhàthair, “Tha thu fada gu leòir a’ deoghal sùgh mo chléibh ’us mo chliathaich-sa, agus tha thu làn chomasach air cothachadh air do shon féin tuillidh. Thig a ’s tigh agus deasaichidh mise bonnach dhuit, gheibh thu e le ’m bheannachadh, agus falbhaidh tu ’n sin a chothachadh fortain duit féin.” Fhuair e ’m bonnach, agus dh’ fhalbh e. Shiubhail e air aghaidh dh’ fhèuch an tigeadh e air àite fàr am faigheadh e cosnadh. Mu dheireadh ràinig e aitreabh mhòr bhriadha le tuillidh mhulan timchioll oirre na chunnaic e riamh roimhe còmhla. Smaointich e gu ’m faigheadh e obair ’s an àite sin, agus ghabh e dìreach a dh’ ionnsaidh an tighe. Bhuail e aig an dorus, agus dh’ iarr e am maighstir fhaicinn. Thàinig am maighstir, agus dh’ fheòraich e dh’ e gu dé ’bha e ’g iarraidh? Fhreagair an Gille Mòr gu ’n robh e ’g iarraidh [TD 204] obair. “Ni do choltas an gnothuch,” ars’ am Maighstir. “Tha obair gu leòir agamsa, agus cha-n ’eil fhios agam carson nach faigheadh tu i. An dean thu bualadh?” “Ni,” fhreagair an Gille. “Tha thu sgìth,” ars’ am Maistir. “Bi ’g ad dheanamh féin eòlach air feagh a’ bhaile ’nochd, agus tòisichidh tu air bualadh moch ’s a mhadainn am màireach.” “C’ àite ’n tòisich mi?” “Anns an t-sabhal, oir tha de dh’ arbhar an sin na chumas dithis dhaoine ’bualadh gu ceann shè seachdainnean air fheabhas ’g an oibrich iad. An uair a theirgeas sin tha iothlann mhòr cùl an t-sabhail làn mhulan, agus tha ’h-uile sràbh dhiù r’ am bualadh.” Bha ’n sabhal ’s an iothlann air an togail air bruthach os ceann tighe ’n Uachdrain. An uair a fhuair an Gille a bhiadh chaidh e suas do ’n t-sabhal a dh’ fhaicinn nam feadhnach a bha ’bualadh an sin. Chaidh e ’s tigh, agus an déigh dha coimhead orra tacan a’ bualadh rug e air a’ bhuailtein a bh’ aig fear dhiù, agus thubhairt e, “Cha-n fhiach na buailteinnean a th’ agaibh. An uair a théid mis’ ’an greim am màireach chi sibh am buailtein a bhitheas agam.” Dh’ fhalbh e ’n sin do ’n choille a ghearradh buailtein da fhéin, agus an uair a bha ’m buailtein deas bu choimeas a lorg-shùiste ri crann luinge. ’San àm sin bi ’n riaghailt gu ’m féumadh na gillean oibreachadh o rionnaig gu rionnag. Bha fhios aig a’ Ghille Mhòr air so; uime sin dh’ éirich e tràth anns a’ mhadainn, agus bha e ’n greim anns a’ bhualadh mu ’n d’ fhalbh an rionnag bharr nan spéur. Thòisich e air bualadh na daise ’bh’ anns an t-sabhal, ghabh e dhi anns an dara ceann, agus mar bha e ’dol air aghaidh bha e ’cur a’ mhullaich as an tigh. Aig an dol sin chum e air gus nach robh sop air ùrlar gun bhualadh mu n’ d’ thàinig àm braiceis. An déigh dha ’bhraiceas fhaotainn thionn e ’mach a rithist. Ghabh e do ’n iothlainn, thog e leis mulan anns gach achlais agus fear eadar a dhà laimh, chuir e anns an t-sabhal iad agus bhuail e iad. Mar sin chum e air aghairt gus nach robh mulan anns an iothlainn gun bhualadh mu ’n d’ thàinig àm dinnearach. Bha ’n sin am baile uile geal le fodar, agus ballachan an t-sabhail béul ri bhi làn sìl. [TD 205] Dh’ fhalbh e ’n sin fàr an robh an t-Uachdran. Choinnich an t-Uachdran e air an rathad, agus e fo ioghnadh mòr gu dé ’chuir am baile làn fodair, ach cha do ghabh e diog air ris a’ Ghille. An sin dh’ fheòraich an Gille dh’ e gu dé ’rachadh e ’dheanamh. “Théid thu ’bhualadh ’s an t-sabhal,” ars’ an t-Uachdran. Fhreagair an Gille Mòr, “Cha-n’ eil bualadh agam a ni mi.” “Gu dé ’tha thu ’g ràdh! Tha de bhualadh anns an t-sabhal na chumas ri dithis dhaoine gu ceann shè seachdainnean air fheabhas ’g an oibrich iad.” “Cha-n’ eil. Cha-n’ eil sop ’s a bhaile ’an sabhal no ’n iothlainn nach ’eil buailte cheana.” Cha robh fhios aig an Uachdran gu dé ’theireadh e ri so, ach dh’ iarr e air a’ Ghille doll a ’s tigh agus a dhinneir fhaotainn, agus dh’ fhalbh e féin do ’n t-sabhal fèuch am faiceadh e ’n d’ innis an Gille ’n fhirinn da no nach d’innis. Ràinig e ’n sabhal, agus dar chunnaic e ’n coltas a bh’ air a’ h-uile rud air thoiseach air—am mullach air a chur as an t-sabhal, am fodar air a sgapadh air feadh a’ bhaile, agus gach mulan ’s an iothlainn buailte ghabh e eagal mòr, agus b’ e ’n ni ’bu mhò a chuir de dh’ uamhas air am buailtein a bh’ aig a’ Ghille Mhòr. Thill e dhachaidh air chrith leis an eagal, agus ghabh e rathad cùil seach an Gille Mòr a choinneachadh dar thigeadh e ’mach o bhiadh. Ach thug an Gille Mòr an aire dha, agus ghabh e dìreach ’n a choinneamh? Dh’ fheòraich e dh’ e gu dé ’rachadh e ’dheanamh? Cha robh fhios aig an Uachdran gu ro mhath gu dé ’n fhreagairt a bheireadh e seachad, ach is e thubhairt e, “O ’n dh’ oibrich thu cho math romh àm dinnearach is fearr dhuit d’ anail a leigeil air an fheasgar so.” An sin thubhairt an Gille Mòr, “Chunnaic thu m’ obair a nis, agus tha fhios agad gu dé ’s urrainn mi ’dheanamh. Féumaidh mi tuillidh bithidh fhaotainn gu ’m dhinneir n’ a tha mi ’faighinn.” “Gu dé na dh’ fhéumas tu fhaotainn?” “Ceithreamh salldair mine ’am bruaist an dara latha, agus ceithreamh salldair mine ’n a bhonnaich le carcais dà-bhliadnach daimh an là eile.” “Gheibh thu sin,” ars’ an t-Uachdran ’us e air chrith leis an eagal. Chaidh an t-Uachdran a ’s tigh, agus dh’ innis e do mhuinn- [TD 206] tir an tighe am biadh a bh’ aca ri ’dheasachadh airson a’ Ghille Mhòir gach là tuillidh. Smaointich an t-Uachdran agus na daoine glice ’bha timchioll air mu ’n chùis, agus chunnaic iad gu ’n sgriosadh an Gille Mòr am baile ann am biadh mur faigheadh iad dòigh air cur as da, no air a chur air falbh. Bha fìor sheann duinne air a’ bhaile ris an abradh iad Aonghas Mòr nan Creag, agus thubhairt fear de na daoine, “Mur bheil fhios aig Aonghas Mòr gu dé ’ni sinn ris cha-n ’eil duin’ eile ’s an àite ’s urrainn innseadh dhuinn.” Chuir an t-Uachdran fios air Aonghas Mòr. Thàinig Aonghas, agus dh’ innis an t-Uachdran da a’ h-uile car mu ’n fhamhair mhòr a thàinig orra—mar bhuail e ’n t-arbhar, agus an seòrsa buailtein leis an robh e ’g obair. “Ochòin!” ars’ Aonghas, “an d’ thàinig e mu dheireadh! Chuala mise mo sheanair a’ bruidhinn air an uair a bha mi ’am ghiollan. Bha e cho sean ’s a tha mise ’n diugh, ’us e ’g innseadh mar bha e air a ràdh gu ’n rachadh an t-àite so a sgrios fathast le famhair mòr, agus cha-n ’eil teagamh ’s am bith agam nach e’ tha ’n so an déigh tighinn.” “An urrainn thu smaointeachadh air dòigh ’s am bith air an gabhar cur as da?” “’S e ’n aon dòigh a ’s urrainn mise smaointeachadh so—gu ’n iarr thu air tobar mòr fhosgladh ’am meadhon na dalach ud thall, agus dol cho domhain ’us gu ’n tachair an t-uisg’ air. Is e grunnd domhain gainmheich a th’ ann, agus féumaidh e dol doimhne mhòir mu ’n ruig e ’mhàthair-uisge. Ach dar ruigeas e i bitheadh gach duine ’s urrainn breith air sluasaid agad mu d’ thimchioll, agus dar bhitheas esan cròm ’an grunnd an tuill bitheadh gach duine ’n a dhithis a’ sparradh a ’s tigh an stuth air a mhuin. Ach ma chì sibh e ’g éiridh ’n a sheasamh teicheadh a’ h-uile duin’ agaibh, oir ma gheibh e ’cheann a thogail bithidh e ’mach ge b’ oil leibh, ’us marbhaidh e sibh.” Dh’ aontaich an t-Uachdran ri so a dheanamh. Chuir e fios air a’ Ghille Mhòr an oidhche sin féin. Thàinig an Gille, agus dh’ innis an t-Uachdran da gu ’n robh an t-uisge fàs anabarrach gann air, agus uime sin gun robh dhìth air tobar fhosgladh ’s an dail ud thall. “Glé cheart,” ars’ an Gille. “Tòisichidh tu air mar do chéud obair mhadainn am màireach,” thubhairt an t-Uachdran. [TD 207] An uair a thàinig an là chaidh an Gille Mòr ’an gréim a dh’ fhosgladh an tobair. Bha na daoine mar an céudna tràth air a’ ghrunnd. Dh’ fhalbh iad leis an Uachdran a dh’ fhàireinneachd air a’ Ghille Mhòr féuch ciamar a bha e ’faotainn air aghaidh leis an toll. An uair a fhuair iad sealladh air cha robh an uachdar dh’ e ach mullach a chinn, agus bha tòrr mòr de stuth air a thilgeil a mach aige. Ghabh iad an t-eagal gu ’m bitheadh iad air dheireadh, ach bha iad an deagh àm aig an toll. Sheas an t-Uachdran aig béul an tuill, agus dar chròm an Gille ghlaodh e air na daoine ’bhi ’n greim. Thòisich iad air an stuth a chur a ’s tigh air a mhuin cho dian ’s a b’ urrainn iad sluasaid a chluich. Ach cha robh iad fad’ aig an obair sin an uair a dh’ éirich an Gille Mòr ’n a sheasamh ’san toll, a chrath e ’làmh, agus a ghlaodh e, “Thuis!” Ghlaodh an t-Uachdran r’ a dhaoine teicheadh, agus dh’ fhalbh a ’h-uile duine dhiù cho luath ’s a b’ urrainn an casan an tabhairt as. Ach chrìochnaich an Gille Mòr an toll mu ’n do sguir e. Ghabh e ’n sin a suas gu tigh an Uachdrain. An uair a bha e ’tighinn dlùth do ’n tigh bha e ’gabhail iongantais mhòir nach robh duine ri fhaicinn timchioll a’ bhaile. Ràinig e ’n dorus mòr, agus chuir e a làmh air a’ chrann, ach bha ’n dorus dùinte cho làidir air an taobh a ’s tigh ’us nach fosgladh e dha. Chuir e ’n sin a bhas ris a’ chrann, agus dh’ fhùc e n’ a bu treis’ e na bha thoil aige. Bhrist an crann, agus dh’ fhosgail an dorus. Ghabh e ’s tigh, agus fhuair e ’n t-Uachdran ’n a chrùban fo ’n bhòrd ’us e air chrith. An sin thàinig an t-Uachdran a mach air an ùrlar, agus dh’ fheòraich e de ’n Ghille Mhòr an d’ fhuair e deas an toll? Thubhairt an Gille gu ’n d’ fhuair. “Ach carson,” ars’ e, “nach do chuir thusa duine a chumail air falbh nan ròcais? Theab iad na sùilean a chur asam, a’ sgrìobadh na gainmhich airson nam biathainne. Ach gu dé ’théid mi ’dheanamh a nis?” “Oh, falbh ’us faigh do dhinneir,” ars’ an t-Uachdran. Dh’ fhalbh an Gille Mòr mar dh’ iarradh air. An uair a fhuair an t-Uachdran as a charabh e chuir e fios air an t-Seann duine ’rithist. Thàinig an Seann duine, agus thubhairt an t-Uachdran ris, “Cha dean an dòigh ud math air bith. Rinn e ’n toll còr ’us deich troidhean fichead air [TD 208] doimhneachd, bha ’h-uile duine timchioll an àite agam mu ’n cuairt air an toll, dh’ fhair mi ’n cothrom gus an robh e cròm ’an grunnd an tuill, ghlaodh mi riù iad a bhi ’n an gréim, thòisich gach duine ’n a dhithis air spùtadh an stuth a’ s tigh air a mhuin, ach dh’ éirich e ’n a sheasamh anns an toll, agus ghlaodh e ‘Thuis!’ An sin theich sinne. “An ùine ghoirid thàinig e dhachaidh ’n ar déigh. Ghabh e’ dh’ ionnsaidh an doruis, agus ged bha e dùinte agus crannta, chuir e roimh’ e le aon phùcadh de ’laimh. Thàinig e ’s tigh, agus ’s ann thubhairt e rium, carson nach do chuir mi duine ’chumail air falbh nan ròcais, a chionn gu d’ theab iad na sùilean a chur as a’ sgrìobadh na gainmhich a ’s tigh air a mhuin am fad ’s a bha e ’glanadh grunnd an tuill.” “Oh, mata,” ars’ Aonghas Mòr, “fèuchaidh sinn dòigh eile air.” “Gu dé ’n dòigh tha sin?” “Cuir e a threabhadh Imire-cròm Dhail an Lochain Duibh. Cha d’ thàinig duine no beathach riamh as a’ sin a bha treabhadh ann gu dol fodha gréine.” “Fèuchaidh sinn sin féin da,” thubhairt an t-Uachdran. Chuir e fios air a’ Ghille Mhòr, agus thubhairt e ris gu ’n robh e ri dol a threabhadh an dara mhàireach do dh’ Imire-cròm Dhail an Lochain Duibh. “Ro cheart,” ars’ an Gille. “Ni mise sin.” Moch ’s a’ mhadainn chuir e ’n òrdugh air son an treabhaidh. Thog e ’n crann leis air a ghualainn, bha ’n dà each air thaod aige as a dhéigh, agus ràinig e Dail an Lochain Duibh. Stob e ’n crann ’an ceann an Imire-chrùim, agus chuir e ’n greim na h-eich. Bha craobh mhòr ann am meadhon an Imire, agus thubhairt e ris féin, “Fosglaidh mi ’n talamh dìreach air a’ chraoibh.” An sin thòisich e air treabhadh. Bha e faotainn air aghaidh gu math fad an latha, ach mu chromadh na greine chual e plub fuathasach anns an Lochan. Thug e sùil agus chunnaic e Ùsp mòr dubh a’ gluasad anns an uisge, ach cha do ghabh e suim ’s am bith dh’ e, agus chum e air aghaidh a’ treabhadh mar bha e roimhe. Cho luath ’s a chaidh a’ ghrian as an fhradharc thàinig am beathach air tìr, agus ghabh e suas cladach an Lochain a dh’ ionnsaidh a’ chinn a b’ fhaid’ air falbh de ’n Imire-chròm. Chuir e ’n sin mu ’n cuairt, agus choisich e ’n coinneamh na seisrich anns a’ cheart [TD 209] sgrìob anns an robh an Gille Mòr a’ treabhadh leò. Chum an Gille Mòr air aghaidh le chuid each, agus choinnich iad am beathach aig a’ chraoibh a bha ’m meadhon an Imire. Ghlaodh an Gille Mòr ris a’ bheathach e dh’ fhuireachd air ais, air neò gu ’m faiceadh e gu dé ’dh’ éireadh dha. Ach cha d’ thug am beathach feairt air, ach dh’ fhosgail e ’bhéul, agus shluig e fear de na h-eich beò slàn. “Ni sin an gnothuch,” thubhairt an Gille Mòr ris a bheathach. “Bheir mis’ ort gu ’n cuir thu mach e cho ealamh ’s a shluig thu e.” Leig e as an crann, agus chaidh e ’n carabh a’ bheathaich. Bha cuir uamhasach eatarra, ach mu dheireadh bha ’n Gille Mòr air muin a’ bheathaich. “Cuir a mach an t-each a nis,” ars’ an Gille, Ach cha d’ thug am beathach feairt air. “Bheir mis’ ort gu ’n cuir thu mach e,” thubhairt e rithist. Rug e ’n sin air a’ bheathach air earball, shlaod e dh’ ionnsaidh na craoibh’ e, spìon e ’chraobh as a bun, agus dh’ éirich e air leatha gus nach robh aige dhi ach na bha ’n a laimh d’ a barr. An sin thubhairt e, “An cuir thu mach an t-each a nis?” Cha d’ thug am beathach feairt air fathast. “Mata,” ars’ an Gille, “bheir mis’ ort gu ’n dean thu obair an fhir a dh’ ith thu co dhiù.” Bha ’n t-each eile ’n déigh na ceanglaichean a bhristeadh, agus teicheadh dhachaidh. An uair a ràinig e ’n tigh agus a chunnaic an t-Uachdran an coltas fiamhach a bh’ air, thubhairt e, “Oh, cha-n ’eil teagamh nach ’eil an Gille Mòr agus an t-each eile marbh a nis! Chuir Each-uisg’ an Lochain Duibh as da mu dheireadh!” Ach bha ’n Gille Mòr mu thimchioll a ghnothuich. Cheangail e ’m beathach anns a’ chrann, agus thòisich e air treabhadh leis, agus mu ’n do sguir e cha robh sgrìob anns an Imire-chròm nach do thionndaidh e. An uair a bha e deas dh fhalbh e dhachaidh ’us an t-each mòr air cheann aige. Ràinig e dorus an Uachdrain, agus ghlaodh e ris tighinn a mach. Ach cha do fhreagair duin’ e, oir theich gach duine a bh’ air a’ bhaile, agus chaidh iad am falach cho luath ’s a chunnaic iad e féin ’us an t-each a’ tighinn. Thug e ’n sin bodhairneadh do ’n dorus, agus mu dheireadh thàinig an t-Uachdran a mach ’us e air chrith leis an eagal. Dh’ fheòraich an Gille Mòr dh’ e gu dé ’rachadh e ’dheanamh [TD 210] am màireach? “Oh, theid thu ’threabhadh,” ars’ an t-Uachdran ’us a ghuth air chrith. “Cha-n ’eil treabhadh agam a ni mi.” “Gu dé tha thu ’g ràdh? Tha de thalamh ’s an Imire-chròm na chumadh treabhadh ri paidhir each gu ceann shè seachdainnean.” “Cha-n’ eil. Dhearg mise ’h-uile sgrìob mu ’n do sguir mi.” “’S an d’ fhairich thu ni air bith a chuir dragh ort am fad ’s a bha thu ’g obair?” “Cha d’ fhairich mise dad ach trusdar de bheathach grànd’ a thàinig as an Lochan, agus a dh’ ith fear de na h-eich orm. Dh’ fhèuch mi ’thabhairt air an t-each a chur a mach, ach cha d’ thugadh e feairt orm. Chuir mi ’n sin anns a’ chrann e, agus threabh mi ’h-uile sgrìob de ’n Imire-chròm leis, ach cha do chuir e ’mach an t-each fathast.” “’Us c’ àit am bheil e?” “Tha ’n so aig an dorus.” “O, leig as e! leig as e! leig air falbh e!” “Cha leig mi gus am faigh mi ’n t-each uaith.” Thionndaidh e ’n sin ris a’ bheathach, agus leag e air a dhrùim e. Tharrainn e a chorc mhòr féin, sgoilt e leatha brù a’ bheathaich, agus thug e ’n t-each beò, slan a mach as. An sin thubhairt e ris an Uachdran, “Cha-n ’eil fhios agam gu dé ’ni mi ris mur cuir mi anns an toll am meadhon na dalach e, agus mur robh uisg’ ann roimhe bithidh e ann an sin.” Shlaod e ’m beathach a null do ’n dail, thilg e ’n coinneamh a chinn anns an toll e, chuir e ’n stuth a ’s tigh air a mhuin, agus dh’ fhàg e ’n sin e. Chuir an t-Uachdran fios a rìs air Aonghas Mòr nan Creag. Thàinig Aonghas, agus thubhairt e ris an Uachdran, “Gu dé an naigheachd a th’ agad a nis?” “Cha-n ’eil ach naigheachd bhochd. Cha d’ rinn an ionnsaidh ud math ’s am bith. Chuir mi e a threabhadh an Imire-chrùim. Am feadh a bha e treabhadh thàinig beathach uamhasach a mach as an Loch, agus dh’ ith e fear de na h-eich air. Rug e air a’ bheathach, cheangail e ris a’ chrann e, agus dhearg e ’h-uile sgrìob de ’n Imire leis mu ’n do sguir e. Thug e ’n sin dachaidh e air cheann taoid, leag e aig an dorus e, agus thug e ’n t-each beò slàn as a bhroinn. An sin shlaod e as a dhéigh e air earball, agus thilg e ’n coinneamh a chinn anns an toll e. Agus a nis cha-n ’eil mise ’smaointeachadh gu ’n ruig sinn leas a bhi fèuchainn ris ni ’s faide. Faodaidh sinn teicheadh agus an [TD 211] t-àit’ fhàgail aige féin.” “Bheir sinn aon déuchainn eile dha fhathast.” “Gu dé i an déuchainn sin?” “Abair ris gu ’n do theirig a’ mhin ort, agus nach bi gearradh bithidh agad dha gus an tig e féin as a’ mhuileann. Cuiridh tu air falbh e le càrn sìl do Mhuileann-Leacain. Cuiridh tu cabhag air a chum ’us gu ’n oibrich e anns a’ Mhuileann fad na h-oidhche, agus theid mis’ ’an urras duit nach leig Ùruisg Mòr Mhuileann-Leacain esan dachaidh ni ’s mò na fear air bith eile. Ach ma leigeas agus ma chì sibh e ’tighinn, faodaidh sibh uile eadar bheag ’us mhór, shean ’us òg, teicheadh, oir cha ghabh a cur as da’, agus sgriosaidh e an t-àite co dhiù.” Chuir an t-Uachdran fios air a’ Ghille Mhòr, agus thubhairt e ris gu ’n do theirig a’ mhin air, agus nach bitheadh gearradh bithidh aige dha féin gus an tigeadh e as a’ mhuileann le min. “Thoir leat aon ’s am bith a thogras tu de na h-eich agus an Càrn Mòr, agus lìon e le pocaibh sìl, agus bithidh tu dhachaidh cho luath ’s is urrainn thu. Féumaidh tu oibreachadh fad na h-oidhch’ anns a’ mhuileann chum gu ’m bi thu aig an tigh tràth am màireach.” “Ro cheart,” thubhairt an Gille Mòr. “Ni mise sin.” Dh’ fhalbh e gun dàil leis an t-sìol, agus ràinig e am muileann ’am béul na h-oidhche. Bha am Muillear an déigh sgur a bhleith, agus am muileann dùinte. Dh’ fhuasgail e ’n t-each as a’ chàrn, agus leig e chum ionaltraidh e. Dh’ fhalbh e ’n sin gu tigh a’ mhuilleir, agus ghlaodh e ris aig an dorus e dh’ éiridh, a chionn gu ’n robh esan air tighinn le càrn sìl, agus gu ’m féumadh e ’n sìol fhaotainn air a bhleith an oidhche sin. “Cha dean e mùthadh cò thu, no cia as a thàinig thu, ach cha-n ’eil duin’ air uachdar na talmhainn d’ am fosglainn-s’ am muilleann tuillidh an nochd.” “Ù, féumaidh tu éiridh! Tha cabhag ormsa, agus is éiginn an sìol a bhi bleithte ’n nochd.” “Cabhag no gun chabhaig cha-n fhaca mise duine riamh airson an rachainn do ’n mhuileann an nochd.” “Mur teid thus’ ann, thoir dhomh fhéin an iuchair, ’us théid mi ann.” “Mata, ma théid thu ann cha tig thu as.” “Cha-n ’eil eagal ’s am bith orm; thoir thusa dhomh an iuchair.” Thug am Muillear dha an iuchair, agus dh’ fhalbh e ’n mhuileann. Thog e ’s tigh an sìol, chuir e air teine mòr de chàth [TD 212] agus de mhòine, chuir e barr air an àth, chruadhaich e ’m barr, agus chuir e ’s an treabhailt e. Leig e ’n sin am muileann air shiubhal, bhleith e na chruadhaich e de ’n choirce, chriathair e ’mhin, agus an sin thòisich e air deasachadh bhonnach, oir bha ’n t-acras mòr air. An uair a bha iad deasaichte chuir e air an àth iad ’g am bruich. Am feadh’ bha e ’g am bruich ’us ’g an tionndadh thug e ’n aire do dh’ Ùsp a’ tighinn am fradharc ’an oisinn na h-àtha. Ghlaodh e ris an Ùsp fuireachd air ais, ach cha d’ thug e feairt air. Shìn e ’spòg, agus thug e leis aon de na bonnaich. “Na dean sin tuillidh,” ars’ an Gille Mòr. Ach cha d’ thug an t-Ùsp feairt air. An ùine ghoirid shìn e rithist a spòg, agus thug e leis bonnach eile. “Dean thusa sin aon uair eile, agus bheir mis’ ort gu ’m bi na bonnaich daor dhuit,” thubhairt an Gille Mòr. Cha do ghabh am fear a bha ’s an oisinn mòran suim de sud, agus thug e leis an treas bonnach. “Mata,” ars’ an Gille Mòr, “mur toir thu feairt ’ad dheòin bheir thu feairt ad aindeòin. Bheir mis’ ort gu ’n cuir thu air an ais na thug thu leat.” An sin thug e aon dudarléum mòr, agus bha e air muin an Ùruisg. Chaidh iad ’an greimibh a chéile, agus ghleac iad gu h-uamhasach. Le car no ’dhà leag iad an àth, chuir iad am muileann as a chéile, agus chual iad am fad agus am fagus am bodhairneadh uamhasach a bha ’s a’ mhuileann. Chual am Muillear e ’n a leaba, agus chuir e a leithid de dh’ eagal air ’us gu ’n do shuain e ’n t-aodach uime ’s gu ’n do chrùbain e ’n casaibh na leapa. Léum a bhean ’s a ghlaodhaich a null air an ùrlar, agus chaidh i air a màgan a ’s tigh fo ’n leaba. Mu dheireadh chìosnaich an Gille Mòr an t-Ùruisg. Dh’ iarr an t-Ùruisg air a leigeil as, ach fhreagair e nach leigeadh mar sin. “Gus an càirich thu am Muileann, agus an cuir thu suas an àth ’s na bonnaich oirre mar fhuair thu iad cha-n fhaigh thu as.” An sin thug e brùilleadhnan uamhasach eile air. Ghlaodh an t-Ùruisg, “Leig as mi, agus nì mi ’h-uile ni a tha thu ’g iarraidh orm.” “Cha leig mi as thu, ach féumaidh tu ’dheanamh agus greim agam ort.” An sin thòisich an t-Ùruisg air càradh a’ Mhuilinn, agus an ùine glé ghoirid chuir e gach ni ’na àite féin mar bha e roimhe. [TD 213] “Leig as a nis mi, oir tha ’h-uile ni mar fhuair mis’ iad,” ars’ an t-Ùruisg. Thug an Gille Mòr sùil, agus chunnaic e nach robh na trì bonnaich air an àth, agus thubhairt e nach robh a h-uile ni mar bha iad. “C’ àit’ am bheil na bonnaich a thug thu leat?” Thug e ’n so builean, agus brùillidhnean fuathasach eil’ air an Ùruisg. Ghlaodh an t-Ùruisg, “Leig as mi, agus gheibh thu na bonnaich ’an lag an teine.” “Cha leig mi as thu, ach falbh thusa, agus faigh dhomh iad.” Dh’ fhalbh an t-Ùruisg ’us greim aig a’ Ghille Mhòr air, agus fhuair e na bonnaich. “Cuir a nis iad air an àth fàr an d’ fhuair thu iad,” ars’ an Gille Mòr. Rinn an t-Ùruisg sin, ’us thug, an Gille Mòr na h-ath bhrùillidhnean air. Ghlaodh an t-Ùruisg, a leigeadh as ’us gu ’m fàgadh e am Muileann, ’us nach cuireadh e dragh air gu bràth tuillidh an déigh na h-oidhche sin. “Mata, o ’n gheall thu sin leigidh mi as thu,” ars’ an Gille Mòr, agus thug e urchair da ’mach an dorus. Thug an t-Ùruisg trì sgrèuchan fuathasach as, agus tharainn e. Chual am Muillear na sgrèuchan, agus thug a bhean glaodh goint’ aiste ’s tigh fo ’n leaba. Dar dh’ fhalbh an t-Ùruisg thòisich an Gille Mòr air itheadh nam bonnach; agus dar dh’ ith e’ leòir dhiù chruadhaich agus bhleith e ’n còr de ’n t-sìol. Chriathair e ’n sin a’ mhin, chuir e anns na pocaibh i, agus na pocanna anns a’ chàrn. Bha gach ni deas age nis; uime sin ghlais e dorus a’ mhuilinn, agus dh’ fhalbh e dhachaidh leis an iuchair. Ràinig e tigh a’ Mhuilleir, agus ghlaodh e aig an dorus, ach cha do fhreagair duin’ e. Ghlaodh e ’rithist, agus chual e am Muillear a’ freagairt a ’s tigh le guth fann. Dh’ iarr an Gille Mòr air an dorus fhosgladh, a chionn gu ’n robh esan air tighinn dachaidh leis an iuchair. “O!” thubhairt am Muillear, “bi falbh, bi falbh, ’us thoir leat an iuchair còmhla ris a chòr.” “Is mi féin a th’ ann, leig a ’s tigh mi,” ars’ an Gille Mòr. Ach cha do fhreagair am Muillear idir e; uime sin phùc e ’n dorus roimhe, agus chaidh e ’s tigh. “So,” ars’ esan, “an iuchair, oir bhleith mi ’n sìol agus tha mi falbh dhachaidh.” An uair a chual am Muillear gu ’n robh ’n sìol air a bhleith, thug e ’mach a cheann as an aodach, agus choimhead e air an duine. “Oh, ciamar tha thu beò an déigh dhuit a bhi ’s a’ mhuileann fad na h-oidhche!” “Pùth! faodaidh tusa dol do ’n mhuileann [TD 214] ’us fuireachd ann fad na h-oidhche nis. An rud a bh’ ann chuir mis’ air theicheadh, ’us cha chuir e dragh ortsa no air duin’ eile gu bràth tuillidh.” “Oh, ’bhean, am bheil thu ’cluinntinn sud?” ars’ am Muillear. Ach cha d’ fhreagair a’ bhean facal. Dh’ fheòraich an Gille Mòr c’ àit’ an robh i? Thubhairt am Muillear gu ’n do theich i agus gu ’n d’ fholaich i fo ’n leaba, ’n uair a chual i ’n straighlich a bh’ anns a’ mhuileann. Thug an Gille Mòr sùil fo ’n leaba, ’us shlaod e mach i air an ùrlar. Ach bha i marbh, oir chaidh a cridhe as a’ chochull leis an eagal. Dh’ fhàg an Gille Mòr tigh a’ Mhuilleir, agus thionn e dhachaidh. Bha bruthach os ceann a’ mhuilinn, agus a chionn gu ’n do thòisich an t-each air stad ’s an uchdaich thug e buille dha le cùl a laimh anns an t-slineig. Bha ’m buille cho tròm ’s gu ’n do bhrist e ’n t-slineig, agus gu ’n do thuit an t-each air an rathad. Bha e ro dhuilich mar thachair, ach cha robh comas air. Dh’ fhuasgail e ’n t-each as a’ chàrn, thilg e air mullach nam pocannan e, agus chaidh e féin a shlaodadh a’ chùirn. Dh’ fhalbh e ’n sin leis gu h-uallach gus an d’ ràinig e mullach a’ bhruthaich. Bha freiceadan aig an Uachdran air a ’h-uile rathad air am b’ urrainn an Gille Mòr tighinn. Mu dheireadh chunnaic fear de ’n luchd-fair’ e fad as a’ slaodadh a’ chùirn na dhéigh, agus an t-each aig’ air uachdar nam pocanna. Thilg an duine dheth a chais’eart maille ris gach ball a chuireadh moille air a ruith, agus shìn e as cho luath ’s a b’ urrainn e gus an d’ ràinig e tigh an Uachdrain. Dh’ fheòraich an t-Uachdran d’ e am fac e sealladh air a’ Ghille Mhòr? “Am faca mi sealladh air? Is mi a chunnaic an sealladh air! Cha bhitheadh e ’feitheamh ris an each, ach thilg e air muin nam pocannan e, agus tha e féin a’ slaodadh a’ chùirn ’n a dhéigh le luathas mòr.” “Oh mata faodaidh sinne falbh, oir marbhaidh e sinn uile, agus sgriosaidh e ’n t-àite co dhiù.” Tharruinn iad an sin, agus dh’ fhàg iad an t-àit’ aige féin. An ùine ghoirid thàinig an Gille Mòr dhachaidh. Thug e ’n t-each a nuas bharr mullach a’ chùirn, ’us chuir e stigh na pocanna. Sheall e mu ’n cuairt, ach cha robh duine ri [TD 215] fhaicinn timchioll a’ bhaile. Dh’ fhèuch e gach cùil ’us toll anns an saoileadh e gu ’m b’ urrainn duine ’bhi ’m falach, ach cha d’ fhuair e aon. Mu dheireadh thuig e gu ’n do theich a’ h-uile duine a bh’ air a’ bhaile, agus gu ’n d’ fhàg iad e dha fhéin. Smaointich e ’n sin gu ’n rachadh e airson a mhàthar, ’us gu ’n d’ thugadh e i do ’n àite bhriadha a bh’ aige. Dh’ fhalbh e, agus fhuair e i fàr an d’ fhàg e i ’am bun na coille. Dh’ innis e dhi am fortan mòr a bh’ air, agus gu ’n d’ thàinig e air a son a dhol a dh’ fhuireachd leis. Thubhairt i ris gu ’n robh ise sean, agus gu ’n robh an t-astar tuillidh ’s fada dhi r’ a choiseachd. “Mata, a mhàthair, cha-n ann mar sin a bhitheas. Thug thusa ùine mhòr ’g am ghiùlan-sa, agus giùlainidh mise thusa ’m fad so a nis.” Thog e a mhàthair leis air a mhuin, ’us cha do leig e as i gus an d’ ràinig e ’n t-àit’ a fhuair e dha fhéin. Bha iad an sin gu sòghail, soisneach, agus ma tha iad beò tha iad ann fathast. [TD 216-218] IX. THE FARMER OF LIDDESDALE. [Beurla] [TD 219] [Beurla] TUATHANACH LÌODASDAIL. BHA Tuathanach ’an Lìodasdail a dh’ fhuluing call mòr ’an taobh a ’s tigh de ’n aon bhliadhna. Anns a’ chéud àite chaochail a bhean ’us a chlann, agus goirid an déigh am bàis-san dh’ fhàg an Sgalag e. Bha na faidhrichean an sin air dol seachad, agus cha robh dòigh air Sgalag eil’ fhaotainn an àit’ an fhir a dh’ fhalbh. An uair a thàinig an t-earrach chaidh na coimhearsnaich ’an greim anns an treabhadh, ach cha robh duin’ aige san a ghleidheadh crann, agus cha robh fios aige gu dé ’dheanadh e. Bha ’n ùine ’dol seachad, agus le sin bha e ’call’ fhoighidinn. Mu dheireadh thubhairt e ris féin ann an corruich gu ’n gabhadh e a’ chéud duin’ a thigeadh an rathad cò air bith e. Goirid an déigh sin thàinig duin’ a dh’ ionnsaidh an tighe. Choinnich an Tuathanach e aig an dorus, agus dh’ fheòraich e dh’ e cean’ a bha e dol, no gu dé ’bha e ’g iarraidh? Fhreagair e gu’ m bu Sgalag e, agus gu ’n robh e ’g iarraidh muinntiris. “Tha Sgalag a dhìth ormsa, agus ma chòrdas sinn mu ’n tuarasdal cuiridh mi muinntireas ort. Gu dé ’bhitheas tu ’g iarraidh o ’n àm so gus an là ’s am bi ’m bàrr cruinn?” “Cha bhi ach na bheir mi leam ’an aon ghad-cuail de ’n choirce ’n uair a bhitheas e tioram.” “Gheibh thu sin,” thubhairt an Tuathanach, agus chòrd iad. Air an ath mhadainn chaidh an Tuathanach a mach leis an Sgalag, agus leig e fhaicinn da na dailtean a bh’ aige ri ’threabhadh. Mu ’n do thill iad chaidh an Sgalag do ’n choille, agus air dha trì stuib a ghearradh thàinig e air ais leò, agus chuir e aon diù an ceann gach aon de na dailtean. An déigh dha sin a dheanamh thubhairt e ris an Tuathanach, “Ni mi [TD 220] féin an gnothuch a nis, agus cha ruig an treabhadh leas cùram a chur ortsa tuillidh.” Air dha so a ràdh chaidh e dhachaidh, agus dh’ fhan e ’n a thàmh fad an là sin. Thàinig an ath là ach dh’ fhuirich e dìomhanach mar air an là roimhe. An déigh dha ùine mhath a chaitheadh mar sin thubhairt an Tuathanach ris gu ’n robh an t-àm aige tòiseachadh air an obair a nis a chionn gu ’n robh an t-earrach a’ dol seachad, agus gu ’n robh leth na h-obair dèant’ aig na coimhearsnaich. Fhreagair e, “Oh, cha-n ’eil an talamh againne deas fathast.” “Cia mar tha thu smaointeachadh sin?” “Oh, tha mi ’g a aithneachadh air na stuib.” Ma chuir dàil an Sgalag ioghnadh air an Tuathanach chuir an fhreagairt so tuillidh air. Chuir e roimhe gu ’n cumadh e sùil air, agus gu ’m faiceadh e gu dé ’bha e deanamh. Dh’ éirich an Tuathanach moch air an ath mhadainn, agus chunnaic e ’n Sgalag a’ falbh a dh’ ionnsaidh na céud dalach. Dar ràinig e ’n dail, shlaod e ’n stob aig a ceann as an talamh, agus chuir e r’ a shròin e. Chrath e a cheann, agus chuir e ’n stob air ais anns an talamh. Dh’ fhàg e ’n sin a chéud dail, agus chaidh e ’dh’ ionnsaidh chàich. Dh’ fhéuch e na stuib, chrath e ’cheann, agus phill e dhachaidh. Am béul na h-oidhche chaidh e mach an dara h-uair a dh’ ionnsaidh nan dailtean, dh’ fhéuch e na stuib, chrath e ’cheann, agus an deigh dha an cur a rìs anns an talamh chaidh e dhachaidh. Air an ath mhadainn chaidh e mach an treas uair chum nan dailtean. Dar ràinig e ’chéud stob shlaod e as an talamh e agus chuir e r’ a shròin e mar rinn e air na làithean roimhe. Ach cha bu luaith’ a rinn e sin na thilg e air falbh an stob, agus a shìn e as le uile neart chum nan tighean. Fhuair e na h-eich, na goid, agus an crann, agus dar ràinig e ceann na céud dalach leò shàth e ’n crann anns an talamh, agus ghlaodh e: “M’ eich ’us m’ éill, ’us mear-ghillean, Tha ’n talamh a’ tighinn an àird.” Thòisich e ’n sin ri treabhadh, chum e air fad an là le sgrìob uamhasaich, agus mu ’n deachaidh a’ ghrian fodha ’n oidhche sin cha robh lèud boise de na trì dailtean nach robh treabhta, cuirte, cliatht’ aige. An uair a chunnaic an Tuathanach so bha [TD 221] e anabarrach toilichte, oir bha ’n obair aige deas cho luath r’ a choimhearsnaich. Bha ’n Sgalag ullamh, ealamh a dheanamh gach ni ’bha air iarraidh air, agus le sin chòrd e féin agus an Tuathanach gu math gus an d’ thàinig am fogharadh. Ach an uair a bha ’bhuain seachad, air là àraidh thuirt an Tuathanach ris gu ’n robh e smaointeachadh gu ’n robh ’n t-arbhar tioram gu leòir airson a chur a ’s tigh. Dh’ fhéuch an Sgalag sguab no dhà, agus fhreagair e nach robh fathast. Ach goirid an déigh an là sin thuirt e gu ’n robh e deas a nis. “Ma tha,” ars’ an Tuathanach, “is fearr dhuinn tòiseachadh air a chur a ’s tigh.” “Cha thòisich ach gus am faigh mise mo chuid féin as an toiseach,” ars’ an Sgalag. Dh’ fhalbh e ’n sin do ’n choille, agus an ùine ghoirid thill e le gad sgrìbte, sniamht’ aige ’na laimh. Shìn e ’n gad air an achadh, agus thòisich e air an arbhar a chur ann. Chum e air aghaidh a’ cur sguaib an déigh sguaib anns a’ ghad gus nach mòr nach robh na bh’ air an achadh aige leis. Dh’ fheòraich an Tuathanach dh’ e gu dé ’bha e ’ciallachadh? “Gheall thu dhomh mar mo thuarasdal na bheirinn leam de ’n arbhar ann an aon ghad-cuail, agus so e agam a nis,” ars’ an Sgalag, agus e ’dùnadh a’ ghoid. Chunnaic an Tuathanach gu ’n bitheadh e air a sgrios leis an Sgalag, agus uime sin thubhairt e: “Is ann ’am Màrt a chuir mi, Is ann ’am Màrt a dh’ fhuin mi, Is ann ’am Màrt a chliath mi. Fhir a dh’ òrduich na trì Màirt, Na leig mo chuid-sa ’n aon ghad-cuaill.” Air ball bhrist an gad, agus rinn e braigheadh mòr a fhreagair mac-talla bho gach creag am fad agus am fagus. An sin sgaoil an t-arbhar air an achadh, agus dh’ fhalbh an Sgalag ’n a cheò bàn anns na spéuran, agus cha-n fhacas tuillidh e. [TD 222-240] X. A TALE ABOUT THE SON OF THE KNIGHT OF THE GREEN VESTURE, PERFORMING HEROIC DEEDS WHICH WERE FAMED ON EARTH SEVEN YEARS BEFORE HE WAS BORN. [Beurla] [TD 241] SGÉUL AIR MAC FEAR AN EARRAIDH UAINE RI GAISGE, A BHA AINMEIL AIR THALAMH SEACHD BLIADHNA MU ’N D’ RUGADH E. BHA ann roimhe so Uachdaran fearainn aig an robh àite briadha, agus pailteas spréidh agus èunlaith. ’Na àm bha meas cho mòr aig uachdarain cosmhail ris air an èunlaith ’us gu ’n robh iad a’ gleidheadh mu ’n timchioll boirionnach tùrail ris an abradh daoine Cailleach-chearc. Bha aig an Uachdaran so mar an ceudna Cailleach-chearc a bha ro thùrail agus aig an robh balachan òg bòidheach ris an abradh i a mac agus a theireadh rithe ’mhàthair. Bha ’m balachan a’ fàs a suas ’n a ghille briadha ’us coltas air gu ’m bitheadh e ’n a dhuine foghainteach. Ach cha-n fhaigheadh e guth ’am fad agus ’am fagus ach Mac Cailleach-nan-cearc. Gidheadh cha robh sin a’ cur smuairein ’s am bith air. Bha ’Chailleach gu math dheth fo ’n Uachdaran le tigh agus trì mairt, agus gach ni eile a dh’ fhéumadh i. An uair a dh’ fhàs am balachan suas ’n a ghille bhitheadh e falbh leis na mairt agus ’g am buachaileachd fad an là. Air là àraidh shaodaich e iad ni ’b fhaid’ air falbh na b’ àbhaist da gu àite fàr an robh ionaltradh anabarrach math. Cho luath ’s a thug an crodh a dh’ ionnsaidh an fheòir ràinig e tolman bòidheach fàr am bitheadh e ’n am fradharc, agus shuidh e sìos air. Thug e roinn mhòr de ’n là ’n sin, a’ gabhail toileachadh as a’ h-uile ni a bha e ’faicinn. Mu dheireadh chunnaic e ’dìreadh na glaice ’bha fodha ’dh’ ionnsaidh an àite ’s an robh e ’n a shuidhe gruagach òg agus deirgead an ròis ’n a gruaidh, ’s a falt òr-bhuidhe ’n a chamagan bòidheach a sìos thar a dà ghualainn. Ràinig i ’n t-àite fàr an robh e ’n a shuidhe, agus air dhi fàilt an là a chur air thubhairt i ris gu ’n robh e aonarach a’ [TD 242] buachaileachd nan trì mairt. Fhreagair e gu h-ealamh i, ’us thubhairt e nach robh e aonarach a nis ’us i féin air tighinn còmhla ris. An sin dh’ fheòraich i dhe an reiceadh e té de ’n chrodh? Thubhairt e rithe nach faodadh e, a chionn gu ’m bitheadh a mhàthair a’ trod ris. “Ù, cha bhi, ma gheibh thu a fiach air son a mhairt.” “Agus gu dé ’bheir thu dhomh oirre?” “Bheir clach bhuadhach.” “Gu dé na buadhan a th’ air a’ chloich?” “Cha-n ’eil buadh a dh’ fhéumas tu airson do chuirp no airson do choluinn nach faigh thu cho fad ’s a ghleidheas tu i, agus cha-n ’eil àit’ anns an òrduich thu thu féin agus na ’s math leat a bhi, anns nach bi sibh air ball.” “Leig faicinn domh de ’n chloich.” Shìn a’ ghruagach dha a’ chlach, agus bha i bòidheach ri amharc oirre. Rug e oirre, agus smaointich e gu ’n cuireadh e déuchainn oirre mu ’n tugadh e ’m mart air a son. Bha ’m pathadh air aig an àm, agus smaointich e gu ’m bu mhath deoch a Fuaran-na-cloiche-deirge aig cùl tigh’ a mhàthar. Cha bu luaith’ a thàinig an smaoint ’n a inntinn na bha e ’n a shuidhe taobh an tobair. Dh’ òl e deoch, agus thill e air ais air a’ cheart dòigh air an d’ thàinig e. Thug e ’n sin am mart airson na cloiche, agus bha e làn thoilichte leis a’ mhalairt a rinn e. An sin dh’ fhalbh Gruagach nan gruaidhean ròs-dhearg leis a’ mhart a cheannaich i, agus thill esan dachaidh leis an dà mhart eile ’m béul na h-oidhche. An uair a chunnaic a mhàthair nach robh aige ach an dithis dh’ fheòraich i dhe, C’ àit’ an robh an treas té? Dh’ innis e dhi gu ’n do reic e i. Thubhairt i ris gu dé ’fhuair e air a son? Thubhairt e gu ’n d’ fhuair e clach oirre. Dar chunnaic a mhàthair a’ chlach, ’us nach b’ urrainn i ’m féum a bh’ innt’ a thuigsinn chaidh i air boile, agus throd i ris gu fuathasach. Dh’ éisd e ris gach acal a thubhairt i gu ciùin, ’us cha d’ thug e guth na h-aghaidh. An uair a thraoigh a feirg dh’ iarr i air an dà mhart a chur a ’s tigh, ’us gu ’n rachadh am bleoghainn. Rinn e sin, agus bha uibhir bainne aig an dithis an oidhche sin ’us a bh’ aig an triuir roimhe sin. Anns a’ mhadainn an déigh dha ’bhraiceas fhaotainn agus an crodh a bhi air am bleoghainn, dh’ iarr a mhàthair air an saodachadh do ’n àite ’s an robh iad an là roimhe. Dh’ fhalbh [TD 243] e leò, agus dh’ fhàg e iad anns a cheart ionad. Cho luath ’s a ràinig iad thug an crodh a dh’ ionnsaidh an ionaltraidh, agus shuidh esan air a’ cheart tolman air an robh e ’n là a chaidh seachad. Mu ’n àm a chunnaic e ’Ghruagach an toiseach chunnaic è i an là so ’rìs a’ dìreadh na glaice ’bha fodha. Ràinig i ’n t-àite fàr an robh e ’n a shuidhe, agus dh’ fheòraich i dh’ e an reiceadh e té eile de ’n chrodh? Thubhairt e nach reiceadh, a chionn gu ’n d’ fhuair e trod uamhasach o ’mhàthair air an oidhche ’chaidh seachad airson na té a reic e cheana. “Ù, ma gheibh thu a fiach air a son cha bhi i trod riut.” “Gu dé, mata, ’bheir thu dhomh oirre?” “Bheir mi dhuit léug slànuchaidh oirre.” “Gu dé na créuchdan a ni i slàn?” “Créuchd air bith air d’ fheòil no air do chraicionn, tinneas colainn no inntinn, leighisidh i ’n uair a shuathas tu riut i.” Bha créuchd air òrdaig cois’ a’ ghille, agus dh’ iarr e air a’ Ghruagach an léug a leigeil fhaicinn da. Fhuair e ’n léug, agus cho luath ’s a shuaith e i r’ a òrdaig bha i leighiste. An sin thug e dhi am mart, agus bha e làn thoilichte leis a’ mhalairt a rinn e. An uair a thàinig am feasgar chaidh e dhachaidh leis an aon mhart. Choinnich a mhàthair e ’tighinn, agus dh’ fheòraich i dh’ e gu dé ’fhuair e air a’ mhart a reic e? Thubhairt e gu ’n d’ fhuair e léug oirre. An uair a chual i so, ma ghabh i ’n cuthach air an là roimhe ghabh i seachd cuthaich an là so. Shìobhaltaich i mu dheireadh, agus dh’ iarr i air an t-aon mhart a bh’ ann a chur a ’s tigh, ’us gu ’n rachadh a bleoghainn. Rinn e sin, agus bha uibhir aice de bhainne ’s a bh’ aig an trì roimhe. Anns a’ mhaduinn, an déigh do ’n bhò ’bhi air a bleoghainn, dh’ iarr a mhàthair air a’ ghille a saodachadh do ’n àite ’s an robh i ’n dé. Dh’ fhalbh e leatha, agus an uair a ràinig e ’n t-àite shuidh e sìos mar b’ àbhaist da air an tolman. Thàinig a’ Ghruagach fàr an robh e, agus dh’ fheòraich i dh’ e an reiceadh e an t-aon mhart a bh’ aige? “Oh, cha-n fhaod mi, oir fhuair mi trod uamhasach airson na té mu dheireadh a reic mi.” “Ù! cha-n fhaigh thu trod, ma gheibh thu ’fiach air a’ mhart.” “’Us dé, mata, a bheir thu dhomh oirre?” “Bheir mi dhuit lìonan èunaich oirre.” “Gu dé na h-eòin [TD 244] air am beir an lìonan, no ciamar ’tha è ri ’chur?” “Cha-n eil agad ach a sgaoileadh air bharraibh nam preas ’us fhàgail an sin fad na h-oidhche, agus dar thig a’ mhaduinn bithidh e làn de gach seòrs’ èun a chunnaic no ’chual thu riamh, agus bithidh dà èun déug ann nach fac agus nach cual thu riamh an leithid.” Thug e ’m mart airson an lìn. Dh’ fhalbh ise leis a’ mhart, agus thill esan dachaidh leis an lìon. An uair a chunnaic a mhàthair gu ’n d’ thàinig e dhachaidh gun mhart idir aige, cha b’ urrainn i facal a ràdh, ach bha gruaim na dunaidh oirre ris. Bha esan ro dhuilich gu ’n do chuir e a leithid de mhì-thlachd oirre, ach bha misneach aige gu ’m bitheadh i toilichte ’n uair a chitheadh i na bhitheadh aige de eòin anns an lìon air an ath mhaduinn. Cho luath ’s a dh’ éirich e ’n ath-latha chaidh e a dh’ fhaicinn an lìn a chuir e air an oidhche roimhe, agus a leithid de shealladh air eòin cha-n fhac e gu sin. Dh’ fhalbh e dhachaidh leò, agus an uair a chunnaic a mhàthair na bh’ aige dhiù dh’ fheòraich i dh’ e, C’ àit’ an d’ fhuair e iad? Thubhairt e gu ’n do ghlac e iad anns an lìon. “’Us am faigh thu tuillidh leis?” “Gheibh mi an uibhir so a’ h-uil’ uair a chuireas mi e.” Bha i ’n so ni ’bu toilichte, ’us cha robh iad riamh cho mhath dheth air bainne nam mart ’s a bha iad air sithinn nan èun. Dh’ fhàs an Gille suas ’n a dhuine dreachail ’n a choltas agus glic ’n a ghiùlan. Ghabh an t-Uachdaran spéis de, agus rinn e gille-bùird dh’ e ’n a thigh féin. Rinn e gu math ’n a àite, agus bha meas aig a’ h-uile duine mu thimchioll an tighe air. ’Nis bha nighean aig an Uachdaran ris an abradh iad Dearc-shùil. Bha i anabarrach bòidheach, agus ghabh an Gille gaol mòr oirre. Ghabh ise mar an ceudna gaol airsan, ach cha-n aidicheadh i gu bràth gu ’n do ghabh a chionn nach robh ann ach mac Cailleach-nan-cearc. Dh’ fhalbhadh i as an rathad air, agus rachadh i ’m falach anns gach preas air eagal gu ’m faiceadh e i. Ach bha ’chlach-bhuadhach aige-san, agus le cuideachadh na cloiche bhitheadh e na sheasamh r’ a taobh c’ àit’ air bith ’s am bitheadh i. Ach ghlaodhadh ise ’n sin air a h-athair, agus dh’ fhéumadh esan falbh air eagal gu ’n rachadh ’fhaicinn. Thachair so gu minic, ach air là àraidh dh’ òrduich e gu ’m bitheadh e leatha anns an tigh, agus air [TD 245] ball bha e ann. Cho luath ’s a chunnaic i è thug i ionnsaidh air glaodhaich r’ a h-athair, ach mu ’n d’ fhuair i facal a ràdh léum e, agus rug e oirre eadar a dhà laimh, agus thubhairt e rithe, “O, nach robh mi féin agus thu féin anns an Eilean Uaine an Iomail an Domhain-Toir fàr nach cluinneadh d’ athair do ghuth, agus nach abradh mo mhàthair gu ’m bu mhise a mac!” Gun fhios cia mar, bha iad ’am priobadh na sùla ’n an seasadh ’an glacaibh a chéile ’s an Eilean Uaine. Bha iad ùine mhath an sin a’ tighinn beò air meas nan craobh. Ach air là àraidh ’us iad ’n an suidhe còmhla air taobh cnuic, agus ag amharc air a’ chuan m’ an coinneamh leig esan a cheann sìos ’n a h-uchd agus chaidil e. Am feadh a bha e ’na chadal thòisich i air smaointeachadh cia mar a b’ urrainn iad teachd do ’n àit’ ud, agus bhreithnich i mu dheireadh gu ’m féumadh gu ’n robh aige drùidheachd no ni-eiginn air an robh buaidhean iongantach leis an do tharrainn e iad fàr an robh iad. Cho luath ’s a thàinig so fainear dhi, rannsaich i ’aodach, feuch am faigheadh i ni ’s am bith annt’ a fhreagradh d’ a h-amharus; agus air dhi a bhroilleach fhosgladh fhuair i a chlach agus an léug air am falach ann gu cùramach. Choimhead i orra, agus bha iad ro bhòidheach r’ am faicinn, agus thubhairt i rithe féin gu ’m féumadh gu ’m b’ ann leis na nithe sin a tharrainn e ’n sud iad. Ghabh i ’n sin a siosar, agus ghearr i béul a h-aodaich air falbh leis, agus dh’ fhàg i fo ’cheann e. Cho luath ’s a fhuair i ’n a seasamh thubhairt i, “O, nach robh mis’ aig tigh m’ athar aon uair eile;” agus mu ’n deachaidh na briathran as a béul bha i ’n tigh a h-athar. An uair a dhùisg esan choimhead e mu ’n cuairt feuch am faiceadh e i, ach cha-n fhac. Sheall e ’n sin air an làr, agus chunnaic e béul a h-aodaich fàr an d’ fhag i fo ’cheann e. Ghrad chuir è a làmh air a bhroilleach, agus fhuair e fosgailt e agus na clachan air an toirt air falbh. Dh’ aithnich e ’n so mar bha ’chùis, agus dh’ fhàs e gu dubhach, tròm-inntinneach, agus b’ fhearr leis nach d’ thàinig e riamh do ’n àite, oir cha robh dòigh no seòl aig air faotainn as. Air là àraidh bha e siubhal ri taobh a’ chladaich an uair a thug e ’n aire do dhoire ’m fagus do choille a bh’ air thoiseach [TD 246] air. Ràinig e ’n doire, agus chunnaic e ann craobhan air an robh measan nach fac e ’n leithid o ’n thàinig e do ’n Eilean. Air cuid de na craobhan bha ùbhlan cho briadha ’s a chunnaic e riamh, agus air cuid eile dhiù na h-ùbhlan ’bu ghràind’ a chunnaic e riamh. Bha e féin gu tròm-inntinneach, tinn, le mulad ’us le sgìos, agus smaointich e gu ’n itheadh e aon de na h-ùbhlan briadha feuch am b’ fheàird se e. Ach cho luath ’s a dh’ ith e ’n t-ubhal chaidh e air chrith air a chasaibh, agus thòisich fheòil air sruthadh bharr a chnàmh. Smaointich e, a chionn gu ’n robh ’m bàs roimhe cò dhiù agus gu ’n robh e ’n cràdh mòr, gu ’n itheadh e aon de na h-ùbhlaibh grànda feuch an greasadh i ’m bàs g’ a ionnsaidh. Ach cho luath ’s a dh’ ith e ’n t-ubhal grànda, stad fheòil a shruthadh, ’us a chnàmhan a chrith, agus mu ’n robh aon eile dhiù itht’ aige bha e cho slan fhallain ’s a bha e riamh. Chunnaic è ’n so ma chaill e léug gu ’n d’ fhuair è léigh. Thòisich è air ball air deanamh chliabh, agus an uair a bha iad réidh lìon è iad leis na h-ùbhlan. Chuir è ’n sin iad ’an àite tèarainte ’an dòchas gu ’m bitheadh iad chum féum dha uair eiginn fathast. Air là àraidh chunnaic e fada mach air a chuan lòng a’ deanamh dìreach air an Eilean. Chuir e suas comharan feuch an tàirneadh e aire ’n Sgioba g’ a ionnsaidh, agus an uair a thàinig i ’n astar cluinntinn thòisich e air glaodhaich riù. Thug iad an aire dha, agus chuir iad bàta air tir fàr an robh e. Dh’ fheòraich Sgiob’ a’ bhàta dhe gu dé ’chuir a’ sud è, no cia mar thàinig e ann? Fhreagair e gu ’n deachaidh an Soitheach air an robh e a chall, agus gu ’n d’ fhuair esan ’n a aonar gu tìr air an Eilean. Dh’ fheòraich iad an sin d’ e gu dé ’bha e a’ deanamh air an t-Soitheach? Thubhairt e gu ’n robh e ’n a Léigh oirre. “Oh nach sinn a tha toilichte,” ars’ iadsan. “Tha ’n Sgiobair againn gu tinn, agus air a thabhairt a suas leis an Leigh. Theagamh gu ’n urrainn thusa ni-eiginn a dheanamh air a shon?” Fhreagair e, “Chì sinn gu dé ’ghabhas deanamh an uair a ruigeas sinn e.” Chuir e na cléibh anns a’ bhàta, agus an uair a ràinig e ’n long dh’ fhàg e iad an àite sàbhailt air bòrd oirre. Thug e ’n sin aon no dha de na h-ùbhlan leis ’n a phòca, agus chaidh e ’s tigh do ’n àite fàr an robh an Sgiobair. Choimhead [TD 247] e air, agus thubhairt e ris na ’n gabhadh e ’n rud a bheireadh esan da gu ’m bitheadh e air a leigheas. Fhreagair an Sgiobair gu ’n gabhadh e ni ’s am bith a dheanadh féum dha. An sin thug an Léigh dha pìos de aon de na h-ùbhlan briadha, agus cho luath ’s a dh’ ith se e thòisich ’fheòil agus a chraicionn air sruthadh dheth. An uair a chunnaic an Sgioba so, bha iad a’ dol a cheangal an Léigh ris a chrann, agus g’ a sgiùrsadh gu bàs le ceann buill. Ach ghuidh e orra uair eil’ a thabhairt da, agus thubhairt e mur leighiseadh e ’n Sgiobair anns an tìm sin gu ’m faodadh iad a cheangal agus a sgiùrsadh gu bàs an sin na ’n toilicheadh iad. Thubhairt iad ris gu ’m faigheadh e ’n ùin’ a dh’ iarr e, agus eadhon gu h-oidhche. Dh’ fhalbh iad an sin, agus dh’ fhàg iad leis féin e. Dhùin esan an dorus orra, agus thòisich e air an Sgiobair a leigheas leis na h-ùbhlan grànda, agus mu ’n d’ thàinig ceann na h-uaire bha e cho làidir fhallain aige ’s a bha e mu ’n d’ fhàs e gu tinn. An uair a chunnaic an Sgioba so bha iad ro ùmhal do ’n Léigh agus cha robh fhios aca gu dé ’b’ urrainn iad a dheanamh g’ a thoileachadh. Dh’ fheòraich an Sgiobair dh’ e ciod a b’ àill leis gu ’n deanamh iad air a shon? Fhreagair e nach robh e ’g iarraidh ni orra, ach gu ’n cuireadh iad air tìr e anns a’ chaladh a dh’ fhàg e ’n toiseach. Air ball chuir iad mu ’n cuairt an lòng, agus rinn iad dìreach air a chaladh a dh’ ainmich e. Agus dar ràinig iad e thug esan leis na cleibh agus chaidh e air tìr. Dh’ fhàg e beannachd aig an Sgiobair agus a dhaoine, agus rinn e direach air an ait’ o ’n d’ fhalbh e. Chuir e suas mar Léigh, agus thòisich e air daoine tinn a leigheas. Cha d’ aithnich gin d’ a sheann luchd-eolais e, ach chaidh ainm am fad agus am fagus mar Lighiche math a bha slanuchadh dhaoine bho gach tinneas agus créuchd a bha cur orra. Air là àraidh thàinig fios g’ a ionnsaidh o Uachdaran an fhearainn gu ’n robh e ri tighinn le cabhaig a dh’ fhaicinn a nighinn ’us i bhi ro thinn aig an àm sin. Dh’ fhalbh e gun dàil, agus ràinig e tigh an Uachdarain. Chaidh e ’s tigh do ’n t-seòmar fàr an robh an nighean, agus air dha a ceasnachadh thubhairt e gu ’m b’ e tinneas ionganntach a bh’ oirre. [TD 248] “Rinn thu mèirle,” ars’ è rithe, “agus gus an aidich thu i cha ghabh thu leigheas.” Fhreagair i nach b’ fhiosrach i gu ’n d’ rinn i mèirle riamh. Thubhairt esan gu ’m b’ éiginn gu ’n d’ thug i o chuid-eiginn ni-eiginn a bha ro luachmhor dha. An sin chuimhnich i air na clachan a thug i o Mhac Cailleach-nan-cearc anns an Eilean Uaine, agus dh’ innis i do ’n Lighiche gach ni a thachair eatarra. Dh’ fheòraich e dhi c’ àit’ an robh na clachan a thug i a ’bhroilleach? Thubhairt i gu ’n robh iad air bac na h-uinneig. Ghrad fhuair e na clachan, agus chuir e iad ’n a phòc ag radh. “O ’n dh’ innis thu ’n fhìrinn gabhaidh tu leigheas.” An sin thug e dhi cuid de na h-ùbhlan grànda, agus mu ’n d’ thàinig an ath oidhche bha i slàn fallain. Chòrd an Lighiche cho math ris an Uachdaran ’us nach dèanadh ni air bith an gnothuch leis ach gu ’m pòsadh è Dearc-shùil, a nighean. Dh’ aontaich an Lighich’ a gabhail, agus chaidh latha na bainnse chuir a mach. Cha do leig an Gille e féin ris d’ a mhàthair fathast, ach air an oidhche sin chaidh e ’dh’ ionnsaidh an tighe aice, agus dh’ innis e dhi gu ’n robh e ’dol a phòsadh Dearc-shùil le làn-thoil a h-athar. “Ach, a bhean,” ars’ e, “na gabhaibh-s’ oirbh gur mi bhur mac gus am bì am pòsadh seachad.” Gheall i sin da, agus rinn i gàirdeachas mòr r’ a theachd. Thàinig là na bainnse mu dheireadh, agus ’am measg luchd-ullachaidh na cuirme cha robh aon a bu trainge na Cailleach-nan-cearc. Air feadh an là thàinig Dearc-shùil a’ s tigh le h-athair, agus leis an Leigh, agus an uair a thug i ’n aire gu ’m be ’Chailleach a bha ’n toiseach gach gnothuich, chaidh i null fàr an robh i, agus thubhairt i rithe gu math sgaiteach, “A Bhean, cha-n ’eil fhios agam gu dé ’n gnothuch a th’ agaibh-s’ an so.” “Is fearr dhuibh-se dol a mach an dràst.” Thionndaidh a’ Chailleach rithe, agus thubhairt i gu fiadhaich, “Gu dé ’tha thu ’g ràdh? Cha-n ’eil fhios agam c’ àit’ am bitheadh gnothuch agam, mur bitheadh e agam an so a’ deasachadh airson banais mo mhic!” Thug Dearc-shùil glaodh goint’ aiste, léum i ’dh’ ionnsaidh a h-athar, agus rug i air laimh air. Cho luath ’s a fhuair i a h-anail thubhairt i ri Cailleach-nan-cearc, “An e bhur mac-s’ a th’ ann, a bhean?” “Is e,” thubhairt a’ [TD 249] Chailleach. “Mata, ma ’s e cha phòs mis’ e.” An so thuit sprochd air gach duine ’bha làthair, agus gu sonraicht’ air a’ ghille. Ach mu ’n d’ fhuair aon eile cothrom bruidhne thubhairt a’ Chailleach, “Cha-n e mo mhac-se ’th’ ann, ach Mac Fear an Earraidh Uaine ri gaisge a bha ainmeil air thalamh seachd bliadhna mu ’n d’ rugadh e, agus a thuit a’ cath le iomairt lann ri Iarla Borb Choille-nan-crann le buile-cùil fo mhac mòr an Iarla Bhuirb, agus is mis’ a bu bhan-altrum dha ’s an uair sin, agus an déigh dha bhi air a mharbhadh theich mi leis a’ ghille so, agus dh’ altrum agus dh’ àraich mi e, agus a nis tha e comasach air bàs athar a dhioladh agus a roghainn leannain a thaghadh mar mhnaoi!” An uair a chual an Gille ciod a thubhairt a’ Chailleach-chearc, ghabh e misneach agus thubhairt e rithe, “Ma ’s e sin a th’ annam, a bhean, cha phòs mise ise.” “Ach mo mhìle mallachd air na mnathan le ’n luathaire-theanga!” ars’ an t-Uachdaran. Bha nis a léug agus a chlach-bhuadhach féin aig Mac Fear an Earraidh Uaine ’n a bhroilleach, agus thug e bòid agus briathar nach tilleadh e ’us nach stadadh e airson ni no neach ach gus am faiceadh e òigh ’bu mhaisiche na Dearc-shùil. Agus as an t-seasamh sin shiubhail e. Chum e air aghaidh a’ dìreadh bheann ’us mheall ’us thulaichean, agus a dol troimh thuill, ’us ghlinn, ’us ghlacaibh, gus an d’ ràinig è àit’ anabarrach briadha. Cha deachaidh e ’dh’ ionnsaidh a’ Chaisteil a bha ’n sin, a chionn nach robh fhios aige ciod no cò a dh’ fhaodadh a bhi air thoiseach air. Ach bha ’n oidhch’ a’ tighinn, agus uime sin chaidh e ’ghabhail fasgaidh anns na pris a bha cùl a’ Chaisteil. Cho luath ’s a ràinig e iad chunnaic e ’n aon òigh ’bu mhaisich’ a chunnaic e riamh a’ tighinn ’n a choinneamh. Bha ’dà shùil mar dhearcag-an-fhraoich, ’us a cneas ni ’bu ghile na sneachd na h-aon oidhche. Chaidh i seachad gun aire a thabhairt da, ach fhuair esan sealladh oirre-s’ a chuir Dearc-shùil gu h-iomlan as a chuimhne. An déigh dhi dol as an t-sealladh dh’ fhàg e na pris agus dh’ fhalbh e feuch an coinnicheadh e duine ’s am bith a dh’ innseadh dha cò i. Cha deachaidh’ e fada dar chunnaic e Gruagach àluinn òg agus cìr òir ’an cùl a cinn a’ cur cruidh a ’s tigh do bhàthaich. Ràinig è i, agus dh’ fheòraich e dhi cò [TD 250] i an òigh a chunnaic e dol tromh na pris cùl a’ Chaisteil? Fhreagair i gu ’m bi sin Caoin-shlios, Nighean Righ an Tòirr Uaine, agus gu ’n robh i ’an iomagain mhòir o cheann shé seachdainnean. “Ciod è fàth a h-iomagain?” “Thig a ’s tigh do ’n bhàthaich, agus innsidh mi sin duit.” Chaidh e ’s tigh, agus thug i dha deoch bhainne. An sin thubhairt i ris gu ’m b’ e fàth iomagain Chaoin-shlios aisling a chunnaic i o cheann béul ri bliadhna. Air leatha gu ’n robh i ’coiseachd tromh na pris cùl a’ Chaisteil an uair a chunnaic i tréun-laoch òg a’ tighinn ’n a coinneamh, a ghnùis mar a’ ghrian, agus a choltas mar choltas leòmhain. Bha ’fhalt bachlach mar am fitheach, ’us bu ghile na ’n gruth a chneas. Tha mòran ag iarraidh na h-òigh r’ a pòsadh, agus tha ’h-athair toileach gu ’m pòs i aon àraidh dhiù. Ach thug i bòid nach pòsadh i ’m feasd gus am faiceadh i gnùis a’ ghaisgich a chunnaic i ’n a cadal. Cha do chòrd so r’ a h-athair; uime sin thug e dhi là ’s bliadhn’ a thaghadh a roghainn leannain, agus thubhairt e rithe na ’n leigeadh i ’n ùine sin seachad gun roghainn a dheanamh air a son féin gu ’m féumadh i a roghainn-san a ghabhail ’n a dhéigh sin. Tha ’n ùine nis air ruith a mach gu inbhe cheithir làithean o ’m màireach, agus tha so a’ cur iomagain cho mòr oirre ’us gu ’m bheil i gach oidhch’ a’ gabhail sràid tromh na pris feuch an coinnich i ’n tréun-laoch a chunnaic i ’n a h-aisling. An diugh ’s a mhaduinn cha mhòr nach do ghéill i d’ a h-athair, ach mu ’n do ghéill i smaointich i gu ’n rachadh i fàr an robh an Iorasglach-ùrlair airson comhairle. Dh’ innis i do ’n Iorasglaich an aisling, agus gach ni eile o thoiseach gu deireadh. Thubhairt an Iorasglach rithe, “Na caill do mhisneach, ach ruith do réis g’ a ceann, oir cha d’ thàinig àm an tréun-laoich fathast.” An sin thubhairt an Coigreach ris a Ghruagaich, “C’ àit’ am faigh mise bruidhinn rithe?” “Thoir an aire mhath air an ath oidhche do ’n àit’ anns am fac thu i ’nochd.” Dh’ fhuirich e an oidhche sin ’an àit’ a fhuair a’ Ghruagach dha, agus air an ath latha ghleidh è a rathad gach duine gus an d’ thàinig dorchadh nan tràth, an t-àm air am fac e ’n Òigh air tùs. Chaidh e ’n sin gu cùl a’ Chaisteil, ’us cha robh e ach goirid gus am fac e i ’tighinn. An uair a fhuair e sealladh dhi chaidh [TD 251] e ’n a coinneamh, agus sgaoil e mach a dhà laimh g’ an cur mu ’n cuairt oirre. Thug ise sùil ’n a aodann, agus mar gu ’m b’ aithne dhi riamh e ghlaodh i, “An d’ thàinig thu mu dheireadh?” Chuir i a dà laimh mu ’n cuairt air ’amhaich agus neadaich i ’ceann ’n a bhroilleach. An sin dh’ innis i dha a truaighe uile, agus thubhairt i ris falbh leatha-se ’s gu ’m faigheadh i dha àit’ anns am fuireachadh e ’n oidhche sin. Chaidh e leatha, ’s chuir i è ann an seòmar uaigneach fàr an robh è ri fuireachd gus am bitheadh a h-ùine-se mach. Air an ath mhaduinn bha ise ni ’bu shunndaiche na b’ àbhaist di. Thug an Iorasglach an aire dha so, agus dh’ fheòraich i dhi an robh i ’s na pris an raoir? Fhreagair i gu ’n robh, ’us gu ’n d’ fhuair i tréun-laoch a h-aislinge. “Ruith do réis g’ a ceann, ’us gu’ m faigh e do ghlacadh le buaidh,” ars’ an Iorasglach. An sin dh’ fhalbh an òigh do ’n t-seòmar fàr an robh ’n laoch òg, agus am feadh ’bha iad a’ còmhradh chual esan air feadh an tighe straighlich a chuir mòran iongantais air. Dh’ fheòraich è dhi gu dé ’bu chiall do ’n straighlich ud, agus thubhairt e gu ’m féumadh e dol a dh’ fhaicinn ciod a b’ aobhar di. Fhreagair ise gu ’n d’ thàinig fios Tòir g’ a h-athair, agus gu ’n robh Còcaire Claon Ruadh a ghabh fo ’s laimh an Tòir a thilleadh a’ deanamh deas airson falbh. “Gu dé tha ’n Tòir ag iarraidh?” ars’ esan. “Tha ’n Tòir o Mhac Mòr Iarla Bhuirb Choille-nan-Crann, ’us mur bi duin’ aig m’ athair a thilleas an Tòir is leis mise ’s leth na righeachd.” An uair a chual an laoch òg ainm Mhic Mhòir an Iarla Bhuirb air ainmeachadh chrith e air a chasan, las a dhà shùil ’n a cheann, dhaingeinnich e ’dhùirn, agus thubhairt e gu ’m féumadh e dol a dh’ fhaicinn cia mar ’bha na h-airm a’ freagairt do ’n Chòcaire. “Fanaidh tusa ’n so, agus cha nochd thu d’ aghaidh do d’ athair gus an till mise.” Agus air dha sin a ràdh thionn e mach, agus ghabh e rathad cùil an déigh a’ Chòcaire. Cha deachaidh an Còcaire fad air falbh o ’n Chaisteal an uair a rug an Laoch Òg air. Dh’ fhaighnich e dh’ e, C’ àit’ an robh e dol? Fhreagair an Còcaire le spraic mhòir gu ’n robh e dol a thilleadh Tòir a bha ’tighinn gu Righ an Tòirr Uaine [TD 252] o Mhac Mòr Iarla Bhuirb Choille-nan-Crann, ’us dar thilleadh è ’n Tòir gu ’m bu leis Caoin-shlios agus leth na righeachd. “Gle cheart,” ars’ an Laoch Òg, “ach an toir thu dhomhsa na h-airm feuch cia mar thig iad domh?” “Bheir gu dearbh; is mi a bheir,” fhreagair an Còcaire. Chuir e dheth na h-airm, agus chuir an Laoch Òg iad air, agus b’ ann àige féin a bha ’n gnothuch riù. An sin thubhairt an Còcaire, “Cia mar bha fhios agad gu ’n robh mise ’falbh?” “Dh’ fhairich mi ’n straighlich a rinn barr a’ chlaidheimh agad air fear de na coireachan an uair a bha thu ’dol a mach.” “Oh, nach mi tha toilicht,” ars’ an Còcaire. An uair a bha iad a’ dlùthachadh ris an àite fàr an robh a’ choinneamh ri bhi chunnaic iad an Tòir a’ tighinn. An sin thuirt an Laoch Òg ris a’ Chòcaire, “Is fearr dhuit na h-airm so a chur ort mu ’n tig iad ni ’s faigse.” Thug an Còcaire sùil, agus dar chunnaic e Mac Mòr an Iarla Bhuirb ’s a dhaoine ’dlùthachadh ris thubhairt e, “Cha chuir, cha chuir. Fàg ort iad, oir is ann duit féin ’is fearr a thig iad. Cuir mis ’am falach an àit’ air chor-eiginn.” Bha stac creige dlùth dhoibh, agus còs mòr an aodann na creige, agus sparr an Laoch Òg an Còcaire ’s tigh ’s a chòs, agus thubhairt e ris, “Fan an sin gus an till mise.” An sin chaidh Mac Fear an Earraidh Uain’ an coinneamh Mac Mòr an Iarla Bhuirb. Bhuail iad air a chéile, ach leis an treas buile d’ a chlaidheamh sgath Mac Fear an Earraidh Uain’ an ceann deth Mhac Mòr an Iarla Bhuirb. An sin thug e ’n aghaidh air na daoine, agus air dha cur as doibh uile thog e ceann Mac an Iarla air barr a chlaidheamh, agus thill e air ais agus e aige thar a ghualainn. Ràinig e ’n Còcaire, agus ghlaodh e ris tighinn a mach as a’ chòs. Thàinig an Còcaire mar dh’ iarradh air. Sheall e ’n toiseach air an Laoch Òg, agus an sin air a’ cheann, agus thubhairt e, “Tha ceann agad.” “Tha,” fhreagair an Laoch. “Tha ’shùilean fosgailte: am bi e rium?” “Cha chreid mi gu ’m bi an dràst.” Dh’ fhalbh iad an sin còmhla, agus an uair a thàinig iad am fagus do ’n Chaisteal thubhairt an Tréun Laoch ris a’ Chòcaire, “Is fearr dhuit féin na h-airm so a chur ort a nis, agus an ceann a thabhairt a ’s tigh a dh’ ionnsaidh [TD 253] an Righ.” Chuir an Còcair’ air na h-airm, agus shìn an Laoch an ceann da ’s an dealachadh. “Cha-n ’eil sinn dol a dhealachadh mar sin,” ars’ an Còcaire. “Theid thu leamsa gu àite na còcaireachd, ’us gu ’m faigh thu ni-eiginn a bheir mise dhuit. An uair a bhitheas mise ’m Righ is tus’ a bhitheas ’ad Chòcair’ agam.” Dh’ fhalbh an Tréun Laoch leis, agus dar chaidh iad a ’s tigh do dh’ àite na Còcaireachd shìn an Còcaire dha bad mòr de dh’ ascairt ghil, agus thubhairt e, “Gleidhidh tu sin airson an fhalluis a shuadhadh bharr d’ aodainn. An uair a bha mis’ am Chòcaire bu charaid leam am fear a bheireadh dhomh bad ascairt.” “Is caraid leams’ e cuideachd,” ars’ an Tréun Laoch, agus dhealaich iad. Ghabh an Còcaire ’dh’ ionnsaidh an Righ leis a’ cheann, agus chaidh Mac Fear an Earraidh Uaine gu Caoin-shlios. Fhuair e i fàr an d’ fhàg e i, ach cha d’ innis e dhi ni ’s am bith ni ’b’ fhaide na gu ’n do thill an Còcaire ’n Tòir. An uair a chunnaic an Righ an Còcaire agus an ceann aige, bha e ro thoilichte, agus thubhairt e ris gu ’m bitheadh esan cho math r’ a ghealladh dha. Ach bha ’n Còcair’ ann an cabhaig mhòir airson gu ’m bitheadh am pòsadh air a dheanamh gun dàil. Dh’ iarr an Righ air foighidinn a bhi aige gus am faigheadh iad an dinneir, agus thubhairt e gu ’m bitheadh gach ni air a dheanamh an sin mar gheall esan. Chaidh am bòrd a chur ’an uidhim, agus shuidh iad uile sìos aig an dinneir. Ach mu ’n robh i seachad thàinig fios o Mhac Meadhonach an Iarla Bhuirb an Tòir a thilleadh air neò gu ’m bu leisan Caoin-shlios agus leth na righeachd. Chuir an Righ fios an so air a dhaoine, agus dh’ fheòraich e dhiù, Cò rachadh a thilleadh na Tòire? Ghlaodh an Còcaire, “Cò thilleadh i mur tillinn-s’ i? Thill mi chean’ i, ’us tillidh mi rithist i.” “Glé cheart,” ars’ an Righ. “Dean sin, agus bithidh mise cho math ’s mo ghealladh dhuit.” Air an ath mhaduinn bha ’n Còcaire ’deanamh deas airson falbh, agus dar bha e fo làn armachd thug e stràilleadh mòr do ’n choire agus thionn e mach. Dh’ fhairich an Tréun Laoch an fhuaim, agus thubhairt e ri Caoin-shlios gu ’m féumadh e dol a dh’ fhaicinn gu dé bha ’n sud. “Cha ruig thu leas,” ars’ ise; “cha-n ’eil ann ach an Còcaire ’dol a thilleadh Tòir [TD 254] eile ’n diugh.” “Theid mi ’choimhead cia mar tha na h-airm a’ tighinn da, ach na seall thusa do ghnùis do d’ athair gus an till mise.” Thionn e ’n sin a mach an déigh a’ Chòcaire. An là so leig e leis dol astar math air aghaidh mu ’n d’ rug e air. Bha céum a’ Chòcair’ a fàs ni ’bu mhoille, agus bha ’shùil ni ’bu trice ’n a dhéigh mar a b’ fhaide ’bha ’n Laoch gun tighinn. Mu dheireadh chunnaic e ’m fad as e, agus sheas e gus an d’ rug e air. “An cual thu ’m buille ’thug mi air a’ choire ’n diugh?” ars’ an Còcaire. “Chuala; b’ e sin a thug air falbh mi,” fhreagair an Laoch. An uair a bha iad a’ dlùthachadh ri àit’ a’ choinnimh thubhairt an Còcaire, “Is fearr dhuit féin na h-airm so a chur ort; oir is ann duit ’is fearr a thig iad.” Chuir an Laoch air na h-airm, agus an uair a chunnaic iad na daoine ’tighinn ghlaodh an Còcaire ris, “Sin iad, Sin iad! Cuir mise ’m falach.” Bha lòn bog goirid as, agus an uair a ràinig iad e stob an Laoch an Còcaire ’n còmhail a chas fo bhéul-fhothraghadh, agus thubhairt e ris fuireachd an sin gus an tilleadh esan. An sin chaidh an Laoch an coinneamh Mac Meadhonach an Iarla Bhuirb, agus leis an dara buille d’ a chlaidheamh thilg e ’n ceann deth o ’n ghualainn. Thug e rithist aghaidh air na daoine, agus cha d’ fhàg e aon beò dhiù mu ’n do sguir e. Rug e ’n sin air fhalt air ceann Mac Meadhonach an Iarla Bhuirb, agus thug e leis e air a ghualainn. Ràinig e ’n Còcaire, agus ghlaodh e ris tighinn a mach o ’n bhruaich fo ’n robh e. Thàinig an Còcaire, agus thubhairt e, “Tha ceann agad an diugh a rithist! Oh tha draoin air! am bi e rium?” “Cha bhi ’n drast,” ars’ an Laoch, agus thill iad air an ais an rathad a thàinig iad. An uair a bha iad a’ tighinn am fagus do ’n Chaisteal thubhairt an Tréun-Laoch ris a’ Chòcaire na h-airm a chur air, agus an ceann a thabhairt a ’s tigh a dh’ ionnsaidh an Righ. Chuir e air na h-airm, agus an uair a bha ’n Laoch a’ dol a dhealachadh ris thubhairt e, “Cha-n ’eil sinn ’dol a dhealachadh mar sin. Theid thu leamsa gu àite na còcaireachd ’us gu ’m faigh thu ni-eiginn a bheir mise dhuit.” An uair a chaidh iad a ’s tigh, thug an Còcaire dha cutag spàine, agus thubhairt e, “Gleidh sin gus am bi thu ’ad Chòcair’ agamsa. An uair a bha mise ’m Chòcaire bu charaid [TD 255] leam am fear a bheireadh cutag spàine dhomh.” “Is caraid, leams’ e cuideachd,” ars’ an Laoch, agus dhealaich iad. Ghabh an Còcaire ’s tigh leis a’ cheann fàr an robh ’n Righ, agus chaidh Mac Fear an Earraidh Uaine fàr an robh Caoin-shlios. Rinn an Righ gàirdeachas mòr an uair a chunnaic e gu ’n do thill an Còcaire ’n Tòir an dara h-uair. Thubhairt e ris gu ’m bitheadh esan cho math ’s a ghealladh dha. Ach cha ’n fhoghnadh ni air bith leis a’ Chòcaire ach gu ’m bitheadh am pòsadh air a dheanamh gun tuilidh dàlach. Thubhairt an Righ ris, “Tha thu féin sgìth an déigh a chath chruaidh a chuir thu, agus tha sinne acrach. Gabhaidh sinn an dinneir an toiseach, agus an déigh sin bithidh mise cho math ’s mo ghealladh dhuit.” Ach mu ’n robh ’n dinneir seachad thàinig fios o Mhac Òg an Iarla Bhuirb ’dol a thilleadh na Tòire, air neò gu ’m bu leisan Caoin-shlios agus leth na righeachd. Chaidh an Righ an so ’am fiamh mhòir, agus chuir e fios aon uair eil’ air a dhaoine. Dh’ innis e dhoibh gu ’n d’ thàinig fios Tòir o Mhac Òg an Iarla Bhuirb, ’us thubhairt e gu ’m bitheadh esan cho math ’s a ghealladh do ’n duin’ a thilleadh i. Léum an Còcaire, agus sheas e suas ri broilleach an Righ, agus thubhairt e, “Cò’ thilleadh i mur tillinn-s’ i? Thill mi chean’ i dà uair, agus tillidh mi rithist i.” “Ro cheart,” ars’ an Righ. “Ni mise mar gheall mi.” An uair a fhuair an Còcaire ’n a airm ’s na éideadh air an treas maduinn, ma thug e stràilleadh air na coireachan an dà là roimhe thug e stràilleadh seachd uairean ni ’bu mhò orra ’n là so. Thionn e ’n sin air falbh, ach cha robh cabhag ’s am bith air an Laoch airson a leantainn. Dh’ fhalbh e mu dheireadh, ach ma dh’ fhalbh bha e ’g a fhalach féin gus an robh iad a’ dlùthachadh ri àite na coinnimh. Chunnaic e ’n sin an Còcair’ a’ suidhe sìos. Chaidh è air aghaidh le céum sgairteil fàr an robh e. “An d’ thàinig thu mu dheireadh?” ars’ an Còcaire. “Thàinig,” ars’ an Laoch. “’S ann orms’ a ’bha ’n t-eagal nach tigeadh tu idir. Cuir ort na h-airm so, oir gu dearbh is ann duit ’is fearr a thig iad.” “Tha mi creidsinn gur h-ann an diugh,” fhreagair an Tréun Laoch. Cha robh na h-airm ach gann air an uair a chunnaic iad an Tòir a’ tighinn agus Laoch [TD 256] ro bhorb air an ceann. Ghlaodh an Còcaire, “O! cuir mis, am falach! Cuir as am fradharc mi!” Bha bréun-lochan laimh riù, agus stob e ’n Còcaire gu ruig an amhaich anns an lochan, agus thubhairt e ris, “Ma thig éiginn ’s am bith ort thoir do cheann fodha, ’us mur tig fan mar th’ agad.” Chaidh na Laoich an coinneamh a cheile, ’us le aon bhuile d’ a chlaidheamh thilg Mac Fear an Earraidh Uaine ’n lann a laimh Mhic Òig an Iarla Bhuirb. Rug e ’n sin air féin, ’us cheangail e ’thrì caoil ann an aon ghad. Dh’ fhàg e ceangailt e, ’us thug e aghaidh air na daoine. Thug e ruathar fòpa ’s tharta, ’us cha d’ fhàg e beò dhiù fear a dh’ innseadh sgéul na truaighe. Thog e ’n sin Mac an Iarla air a ghualainn, agus ràinig e ’n Còcaire leis. Thàinig an Còcair’ air tìr, fliuch, salach, agus còmhdaichte le fionn-chòinnich na dìge. Dh’ fhalbh e ’n sin dachaidh an déigh an Laoich. Cho luath sa thàinig iad ’am fradharc a’ Chaisteil thubhairt an Laoch ris, “Is fearr dhuit na h-airm a chur ort a nis, agus an duine so a thabhairt a ’s tigh a dh’ ionnsaidh an Righ.” An uair a chuir e air na h-airm thug e sùil air an duine, agus dar chunnaic se e ’carachadh ghlaodh e, “O tha e beò! Bithidh e rium!” “Tha e beò,” ars’ an Laoch, “ach cha-n urrainn e dad a dheanamh ort an dràst. Thoir thus’ e mar tha e ’dh’ ionnsaidh an Righ.” Thubhairt an Còcaire, “Tha ’n Tòir uile seachad a nis. Faodaidh tusa ’bhi deanamh deas. An uair a gheibh mise nighean an Righ bithidh tus’ a’ d’ Ard-chòcair’ agamsa.” An sin dhealaich iad. Chaidh an Còcaire ’s tigh leis an duine ’dh’ ionnsaidh an Righ, agus an uair a chunnaic an Righ coltas an duine mhol e ’n Còcair’ airson a ghaisge agus thubhairt e ris, “Coimhlionaidh mise mo ghealladh dhuit. Ach fuasgail an duine chum gu ’m bi e maille ruinn aig an dinneir.” Chaidh an Còcaire fàr an robh ’n duine, agus dh’ fhéuch e r’ a fhuasgladh. Ach an àite gach snaim a dh’ fhuasgladh e rachadh seachd snaimeannan eil’ air a’ ghad. Mu dheireadh thubhairt e nach b’ urrainn e ’n duine fhuasgladh. “Ùbh, Ùbh!” ars’ an Righ. “Cò nach fuasgladh an duin’ a cheangail e?” “Cha-n esan,” ars’ an duin’, “a cheangail mi. [TD 257] Cha b’ urrainn e mo cheangal, agus cha-n urrainn e m’ fhuasgladh. Ach am fear a cheangail mise fuasglaidh e mi.” “Cò e sin?” ars’ an Righ. “Tha Mac Fear an Earraidh Uain’ ri gaisge a bha ainmeil air thalamh seachd bliadhna mu ’n d’ rugadh e, agus a bha cogadh ris na daoin’ againne bho cheann thrì laithean agus a bha cadal anns a’ Chaisteal agadsa ’s an oidhche. Is esan a cheangail mise, agus ’s è ’is urrainn m’ fhuasgladh.” Chaidh fios air an Laoch, agus thàinig e ’s tigh. Sheall an Righ air, agus an uair a chunnaic e a thréun-choltas chaidh e air a dhà ghlùn da. An uair a dh’ éirich e, dh’ iarr e air an duine ’bha ceangailte fhuasgladh. Rug an Laoch air snaim a’ ghoid le aon laimh, agus thog e ’n duine leis o ’n talamh. Leig e as d’a ghreim an sin, agus air ball léum an gad bharr an duine. Cho luath ’s a fhuair an duin’ air a chasan thionndaidh e ris an Righ, agus thubhairt e, “Mur bhi luathaire theanga na Caillich-chearc, agus comhairle na h-Iorasglaich-ùrlair do Chaoin-shlios cha robh ’an Righeachd an Tòirr Uaine na thilleadh air a h-ais Tòir Mhic Óig an Iarla Bhuirb, no chumadh Caoin-shlios uaithe. Ach is e féin a’s airidh oirre na mise.” An sin thàinig Caoin-shlios a ’s tigh, ’us thubhairt i r’ a h-athair, “Is è ’n diugh an là mu dheireadh do ’n ùine ’thug thu dhomh a thaghadh mo roghainn leannain. So a nis mo roghainn, agus coimhlion do ghealladh dhomh.” “Le m’ uile chrithe,” ars’ an Righ, “agus gach ni a th’ agamsa bithidh agadsa còmhla ris.” Thill an Còcaire ’dh’ ionnsaidh a chòcaireachd, chaidh am pòsadh a dheanamh, agus cha-n fhaca neach a bha ’s an Righeachd càraid a b’ eireachdala na Caoin-shlios agus Mac Fear an Earraidh Uaine. Rinn iad cuirm agus greadhnachas, agus mur do sguir iad a dh’ itheadh agus a dh’ òl tha iad ris fathast. [TD 258] [Blank] [TD 259-304] NOTES. [Beurla] [TD 305-311] INDEX. [Beurla]