[DA 1] FOLK AND HERO TALES. [DA 2] Demy 8vo, 98 pp., with upwards of 20 full-page Illustrations, Cloth, 5s. Waifs and Strays of Celtic Tradition. Series initiated and directed by Lord Archibald Campbell. ARGYLLSHIRE SERIES.—NO. I. CRAIGNISH TALES, COLLECTED BY THE REV. R. McDOUGAL, ETC. Edited, WITH NOTES ON THE WAR DRESS OF THE CELTS, BY LORD ARCHIBALD CAMPBELL. LONDON: D. NUTT. [DA 3] WAIFS AND STRAYS OF CELTIC TRADITION. ARGYLLSHIRE SERIES.—NO. II. FOLK AND HERO TALES. Collected, Edited, and Translated BY THE REV. D. MACINNES. WITH NOTES BY THE EDITOR AND ALFRED NUTT, PORTRAIT OF J. F. CAMPBELL OF ISLAY, & TWO ILLUSTRATIONS BY E. GRISET. LONDON: DAVID NUTT, 270‒271, STRAND. 1890. [DA 4] LONDON: PRINTED BY WHITING & CO., 30 & 32, SARDINIA STREET LINCOLN’S INN FIELDS, W.C. [DA 5-6] CONTENTS. [Beurla] [DA 7] PREFACE. [Beurla] [DA 8] [Blank] [DA 9-19] INTRODUCTION. [Beurla] [DA 20] ERRATA. Page 22, six lines from bottom, “guothuch” for “gnothach.” Page 24, last line “ghalbhas” for “dh’fhalbhas”. Page 56, six lines from bottom, “an i” for “a ni.” Page 82, seven lines from bottom “tha tha” for “tha thu.” Page 132, five lines from bottom, “selotachd” for “seòltachd.” Page 184, ten lines from bottom, “chiadh” for “chaidh.” Page 196, ten lines from top “an t-aisg” for “an t-iasg.” Page 204, seven lines from top omit second “gu’n.” Page 244, nine lines from top “skéithe” for “sgéithe.” Page 246, last line “bhala” for “bhalla.” Page 256, seven lines from top “am domhain” for “an domhain.” Page 270, second line “broillech” for “broilleach.” Page 318, ten lines from top “dhiubh” for “dhuibh.” Page 322, eight lines from top “seachd” for “seachad.” Page 324, first line “dhombh-sa” for “dhomh-sa.” Page 364, first line “tigadh” for “tigeadh.” [TD 1] OIDHCHEAN GEAMHRAIDH ’S A’ GHÀIDHEALTACHD. WINTER NIGHTS IN THE HIGHLANDS. [TD 2] I. MAC RÌGH EIRINN. BHA aon mhac aig righ Eirinn, ’s bha e fìor thoigheach air a bhi’ sealgaireachd. Bha e là ’sealgaireachd, agus mharbh e fitheach mòr, dubh. Thog e ’n a làimh am fitheach, agus dh’ amhairc e air. Bha fuil a’ tighinn a ceann an fhithich far an deachaidh an luaidh ann, agus thubhairt e ris fhéin, “Cha phòs mi té gu bràth ach té ’bhios a falt cho dubh ri iteagan an fhithich, agus a gruaidh cho dearg ri fuil an fhithich.” Chaidh e ’n sin dhachaidh feasgar, agus thubhairt ’athair ris, “An d’ rinn thu sealg mhath an diugh?” Thubhairt an gille ris, “Cha d’ rinn; cha do mharbh mi ach aon fhitheach. Thubhairt mi rium fhéin nach pòsainn té sam bith nach biodh a ceann cho dubh ri it’ an fhithich, ’s a gruaidh cho dearg ri fuil an fhithich.” Thubhairt ’athair an sin ris, “Cha ’n ’eil e cho furasd’ a leithid sin fhaotainn.” Thubhairt an gille, “Falbhaidh mi air feadh gach àite dh’ fheuch am faic mi a leithid.” Thubhairt ’athair, “Tha thu gòrach dol a’ dheanamh a leithid sin.” [TD 3] [Beurla] [TD 4] Thubhairt a mhac, “Tha sin ’s a roghainn a bhi dha; falbhaidh mi co dhiubh.” Dh’ fhàg e ’n sin beannachd aig ’athair, ’s dh’ fhalbh e. Mar bha e ’gabhail air ’aghaidh ’s a’ deanamh forfhais mu ’leithid fhuair e fios c’ àit an robh a leithid ri ’fhaotainn, agus dh’ fheòruich e c’ àit an robh i. Thubhairt iad ris gu’m bu nighean do rìgh an domhain mhòir i, gu’n robh triùir pheathraichean ann, agus gu’m b’ ise ’n té ’b’ òige dhiubh. Ghabh e air ’aghaidh an sin, agus ràinig e ceàrdach anns an robh gobhainn ag obair, agus bhuail e ’n dorus. Dh’ fhosgail an gobhainn an dorus, agus thubhairt e ris, “Oh! thig a-stigh; ’s e duine sona ’bhios annad.” Thubhairt an gille, “Mata, cha’n ’eil ’fhios agam fhèin co dhiubh. Cia-mar tha ’fhios agad gu’m bi mi sona?” “Innsidh mi sin duit,” ars’ an gobhainn. “Tha mise ’g obair an so air snàthaid mhòir, agus dh’ fhairlich orm an crò a chur ìnnte gus an do bhuail thusa ’n dorus; an sin chaith agam air a’ chrò a dheanamh air an t-snàthaid. Suidh agus innis dhomh do naigheachd. Cia as a thàinig thu, agus co thu?” Thubhairt an gille ris, “Is mac do rìgh Eirinn mi.” Thubhairt an gobhainn ris, “C’ àit am bheil thu ’dol?” [TD 5] [Beurla] [TD 6] Thubhairt an gille ris, “Innsidh mi sin duit. Chuala mi iomradh air nighean rìgh an domhain mhòir, agus tha mi ’falbh air a tòir los gu’m faic mi sealladh dhi, agus gu’m bruidhinn mi ri h-athair dh’ fheuch an toir e dhomh i ri ’pòsadh.” “U!” thubhairt an gobhainn, “tha fios gu’m faigheadh mac rìgh Eirinn nighean rìgh an domhain mhòir. Dh’ innis mi dhuit cheana gu’m biodh tu sona. ’S ann do rìgh an domhain mhòir a tha ’n t-snàthad air am bheil mise ’g obair; agus gheibh thu ’n t-aiseg am màireach leotha, agus bruidhnidh mi-fhéin air do shon iad a thoirt duit an aisig. Bithidh tu còmhla rium fhéin a nochd, agus cha bhi dìth bidh no leap’ ort.” Chuir e seachad an oidhche sin gu sunndach, gasda leis a’ ghobhainn. An là ’r na mhàireach thàinig bàta rìgh an domhain mhòir a dh’ iarraidh na snàthaid, agus bhruidhinn an gobhainn riù iad a thoirt an aisig do’n òganach ud. Thubhairt iad gu’n d’ thugadh. “Tha sinn anabarrach toilichte gu’n robh an t-snàthad deas ’n uair a thàinig sinn,” ars’ iadsan, “’s nach ruigeamaid leas a bhi ’feitheamh air a son.” Dh’ fhalbh iad an sin agus thill iad dhachaidh a dh’ ionnsuidh tigh rìgh an domhain mhòir, agus thug iad an t-snàthad do ’n rìgh. ’N uair a chunnaic an rìgh mac rìgh Eirinn dh’ aithnich [TD 7] [Beurla] [TD 8] e nach buineadh e do ’n àite, agus dh’ fheòruich e dheth gu ’d é ’bha dhìth air. Thubhairt an gille ris gu’n d’ thàinig e ’dh’ iarraidh té de na nigheanan aige gu ’pòsadh. Thubhairt an rìgh ris, “Co leis thu ’s cia as a thàinig thu? Feumaidh gu bheil thu de dh’ inbhe na’s urramaíche na tha mise ’smuaineachadh ’n uair a tha thu air tighinn a dh’ iarraidh mo nighinn-sa.” Thubhairt an gille ris, “Is mise mac do rìgh Eirinn.” Thubhairt rìgh an domhain mhòir, “Bha mi ’smuaineachadh gu’n d’ thàinig thu urramach mu’n iarradh tu mo nighean-sa. Gheibh thu mo nighean; ach tha trì nithe agad r’ a dheanamh mu’m faigh thu i.” Thubhairt mac rìgh Eirinn ris, “Ni mi na nithe sin ma’s urrainn domh”; agus dh’ fheòraich e gu ’d é na nithe a bh’ ann. Thubhairt an rìgh ris, “Tha bàthaiche mòr agam airson cruidh, agus tha seachd lànainean ann, agus tha thu ri gach salachar a th’ ann a chur a-mach an diugh, agus feumaidh e ’bhi cho glan ’s gu’n ruith ubhal òir o’n dàrna ceann gu ruig an ceann eile.” Thug an rìgh e ’dh’ ionnsuidh a’ bhàthaiche, ’s leig e fhaicinn da e. Thòisich e ’n sin air a ghlanadh a-mach, agus mar a chuireadh e ’mach e thigeadh a dhà uiread a-stigh. Bha e ’g obair [TD 9] [Beurla] [TD 10] air an sin, ’s e ’g a shàrachadh, ’s cha b’urrainn e ’ghlanadh, agus thubhairt e ris ’fhéin, “B’ fheàrr leam nach d’ thàinig mi riamh a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain mhòir.” Mu dhà uair dheug a là thàinig triùir nigheanan an rìgh an rathad a ghabhail sràid, agus thubhairt an té ’bu shine ris, “Tha thu ’g ad shàrachadh, a mhic rìgh Eirinn.” “Tha,” ars esan. “Na’n soilinn,” ars’ ise, “gur h-ann air mo thòir-sa ’thàinig thu chartainn am bàthaiche air do shon.” Thubhairt an té mheadhonach an ni ceudna, agus thubhairt an té òg, “Co dhiubh is ann no nach h-ann air mo thòir-sa ’thàinig thu cartaidh mise ’m bàthaiche, ’mhic rìgh Eirinn.” An sin thubhairt i, “Cart, cart, a chromain; cuir a-mach a shluasaid.” Chaidh am bàthaiche a chartadh an sin gu grinn gus an ruitheadh ubhal òir o cheann gu ceann deth. Thill triùir nigheanan an rìgh, agus dh’ fhàg iad esan aig a’ bhàthaiche. An là sin fhéin thàinig an rìgh a ’dh’ ionnsuidh a’ bhàthaiche, agus thubhairt e, “A mhic rìgh Eirinn, am bheil am bàthaiche glan?” “U! tha,” arsa mac rìgh Eirinn. “Tha mi ro bhuidheach dhiot cho glan ’s a rinn thu e,” ars’ an rìgh. [TD 11] [Beurla] [TD 12] Thubhairt mac rìgh Eirinn an sin, “Am faigh mi ’nis do nighean?” Thubhairt rìgh an domhain mhòir, “Tha tuilleadh agad ri ’dheanamh am màireach. Tha ’m bàthaiche agad ri ’thubhadh am màireach le iteagan ian. Bithidh bun gach iteig a-stigh ’s a bàrr a-mach. Bithidh aon snàthainn suarach sìoda ’cumail dìon a dhroma ris an tigh.” Thubhairt mac rìgh Eirinn, “An toir sibh-fhéin dhomh na h-iteagan?” “Cha toir,” ars’ an rìgh; “ach feumaidh tu-fhéin an trusadh anns gach àit am faigh thu iad.” An là’r na mhàireach thòisich e air trusadh nan iteag feadh a’ chladaich. ’N uair a thrusadh e làn an dùirn, ’s a chuireadh e air a’ bhàthaiche e thigeadh oiteag ghaoithe, agus sguabadh e air falbh e. Thubhairt e ris fhéin, “B’ fheàrr leam nach d’ thàinig mi riamh a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain.” Mu dhà uair dheug a là thàinig triùir nigheanan rìgh an domhain a ghabhail sràid an rathad a bha e. Thubhairt an té ’bu shine dhiubh, “A mhic rìgh Eirinn, tha thu ’g ad shàrachadh fhéin a’ tubhadh a’ bhàthaiche. Na’n saoilinn gur h-ann air mo thòir fhéin a thàinig thu thubhainn am bàthaiche air do shon.” Thubhairt an té mheadhonach an ni [TD 13] [Beurla] [TD 14] ceudna. Thubhairt an té òg, “Co dhiubh is ann no nach ann air mo thòir-sa ’thàinig thu, ’mhic rìgh Eirinn, tubhaidh mise ’m bàthaiche air do shon.” Chuir i ’làmh ’n a pòca, ’s thug i ’mach feadag, agus shéid i ’n fheadag; agus thàinig na h-eòin agus chrath iad iad-fhéin os ceann a’ bhàthaiche, agus bha ’m bàthaiche air a thubhadh le iteagan nan ian, bun gach aon it’ a-stigh is bàrr gach aon it’ a-mach, agus aon snàthainn suarach sìoda ’cumail dìon a dhroma ris. Thill clann an rìgh dhachaidh, ’s dh’ fhàg iad esan aig a’ bhàthaiche. Thàinig an rìgh an rathad an là sin fhéin far an robh e, agus thubhairt e ris, “A mhic rìgh Eirinn, tha mi ’faicinn gu’n do thubh thu ’m bàthaiche; tha mi fad’ ad chomain, ach cha’n ’eil mi buidheach de’n aon a dh’ ionnsaich dhuit e.” Thubhairt mac rìgh Eirinn ris an rìgh, “An toir thu dhomh a nis do nighean?” “Cha’n fhaigh thu i an diugh fhathast,” ars’ an rìgh; “tha tuilleadh agad ri ’dheanamh am màireach.” An sin thill an rìgh dhachaidh. Am màireach chunnaic mac rìgh Eirinn rìgh an domhain, agus thubhairt rìgh an domhain ris, “Tha còig ealachan agam; agus théid thu g’ an gleidheil; agus ma leigeas tu air falbh iad théid do chrochadh; ach ma gheidheas tu iad gheibh thu mo nighean.” [TD 15] [Beurla] [TD 16] Chaidh e ’n sin a bhuachailleachd nan ealachan, agus dh’ fhairslich air an gleidheadh; theich iad air falbh air. Dh’ fhalbh e, ’s shuidh e mar a bh’ aige, agus thubhairt e ris fhéin, “Is bochd gu’n d’ fhàg mi tigh m’ athar a dh’ iarraidh a’ bhoirionnaich. Shoirbhich gach ni leam gus a so, ach tha ’n ni so air tighinn ann am aghaidh.” Mu dhà uair dheug a là thàinig triùir nigheanan an rìgh a ghabhail sràid an rathad a bha e; agus thubhairt an té ’bu shine dhiubh, “Tha na h-ealachan air teicheadh ort, a mhic rìgh Eirinn.” “Tha,” arsa mac rìgh Eirinn, “agus cha ’n urrainn domh-sa am faotainn; chaidh iad a-mach air an loch orm gun taing.” Thubhairt ise ris, “Mata, a mhic rìgh Eirinn, na’n saoilinn gur h-ann air mo thòir a thàinig thu gheibhinn-sa na h-ealachan duit.” Thubhairt an té mheadhonach an ni ceudna. Thubhairt an té òg, “Co dhiubh is ann no nach ann air mo thòir-sa’ thàinig thu gheibh mise na h-ealachan dhuit.” An sin shéid i ’n fheadag a bh’ aice, agus thill na h-ealachan dhachaidh. Bha e ’n sin ’g an gleidheadh; agus thàinig an rìgh feadh an là far an robh e, agus thubhairt e ris, “Tha mi ’faicinn gu’n deachaidh agad air na h-ealachan a ghleidheadh, a mhic rìgh Eirinn.” [TD 17] [Beurla] [TD 18] “U! Chaidh,” ars esan. “Am faigh mi do nighean a-nis?” “Cha ’n fhaigh,” ars an rìgh: “tha rud beag fhathast agad r’ a dheanamh, agus ’n uair a ni thu e gheibh thu i.” An sin thill mac rìgh Eirinn agus rìgh an domhain dhachaidh a dh’ ionnsuidh a’ phailis. Thubhairt rìgh an domhain ri mac rìgh Eirinn, “Tha mise ’dol a dh’ iasgach am màireach; agus an t-iasg a gheibh mi feumaidh tusa ’ghlanadh, ’s a bhruicheadh dhomh.” An là ’r na mhàireach fhuair an rìgh iasg, agus thug e do mhac rìgh Eirinn e g’ a ghlanadh ’s g’ a bhruicheadh. “Tha mise ’dol a dheanamh greis chadail,” arsa rìgh an domhain, “agus biodh an t-iasg bruich agad-sa ’n uair a dhùisgeas mise.” Thòisich e air an iasg a ghlanadh, agus mar bha na lannan a’ tighinn dheth bha ’dhà uiread a’ dol air; agus cha b’urrainn da’ n gnothuch a dheanamh air. An sin thàinig an té ’bu shine de na h-igheanan, agus thubhairt i ris, “Na’n saoilinn gur h-ann air mo thòir-sa ’thàinig thu ghlanainn an t-iasg air do shon”; agus thubhairt an té mheadhonach an ni ceudna. Thubhairt an té òg, “Co dhiubh is ann no nach ann air mo thòir-sa ’thàinig thu glanaidh mise ’n t-iasg air do shon.” [TD 19] [Beurla] [TD 20] Thòisich i, ’s ghlan i ’n t-iasg, agus chaidh a chur air an teine g’ a bhruich. An sin thug i mac an rìgh an uaigneas a bhruidhinn ris, agus thubhairt i ris, “Feumaidh tusa ’s mise teicheadh còmhla mu’n dùisg m’ athair.” Chaidh steud an t-aon ’fhaotainn doibh a stàbull a h-athar. Theich iad an sin air falbh còmhla. Thubhairt an nighean òg ri mac rìgh Eirinn, “Cho luath’s a dhùisgeadh m’ athair mharbhadh e thu-fhéin is mise.” ’N uair a dhùisg an rìgh dh’ fheòraich e c’ àit an robh mac rìgh Eirinn agus a nighean. Thubhairt iad ris gu’n do theich iad air falbh còmhla. Ghabh mac rìgh Eirinn is nighean an rìgh air an aghaidh cho luath’s a bheireadh casan an steud iad. Dh’ fhalbh an rìgh as an déigh dh’ fheuch am beireadh e orra. Mhothaich iadsan tartaraich mhòr as an déigh; agus thubhairt nighean an rìgh ri mac rìgh Eirinn, “Seall am faic thu ni sam bith an cluais an steud.” Thubhairt esan, “Chì mi bioran droighinn an so.” “Tilg ’ad dhéigh e,” ars’ ise. Rinn am bioran coille mhòr anns an robh seachd mìl’ air fad agus tri mìl air leud. Bha mac rìgh Eirinn air an dàrna taobh de ’n choille agus rìgh an domhain air an taobh eile dhi. Cha b’ urrainn [TD 21] [Beurla] [TD 22] rìgh an domhain faotainn troimh ’n choille leis cho tiugh ’s a bha i. B’ fheudar dha tilleadh dhachaidh agus an tuagh fhaotainn a ghearradh rathaid troimpe. An sin fhuair e rathad a dheanamh troimpe. Mhothaich mac rìgh Eirinn ’s an nighean òg do ’n rìgh a’ tighinn as an déigh a rìs.Bha iad-fhéin sgìth, ’s leig iad an anail greis; agus leis a so bha ’n tuilleadh ùin’ aig an rìgh gu tighinn a suas riutha. ’N uair a mhothaich iad e ’tighinn dh’ fhalbh iad. ’N uair a bha e ’dlùthachadh orra gu math thubhairt an nighean ri mac rìgh Eirinn, “Feuch ’d e ’gheibh thu ann an cluais na steud.” “Chì mi clachag bheag ann,” ars’ esan. “Tilg ’ad dhéigh i,” ars’ ise. Rinn e sin, is dh’ fhàs a’ chlach bheag ’n a creig mhoir, àird. Bha seachd mìl’ air fad innte agus mìl’ air àirde. Bha ’n rìgh aig bun na creige is iad-san air a mullach. Thug iad sùil thar bile na creige dh’ fheuch am faiceadh iad cia-mar a rachadh dha. Sheall e ’n àird os a cheann; agus ’n uair a chunnaic e nach deanadh e ’n guothuch thill e dhachaidh. Ghabh iadsan air an aghaidh gu tilleadh do dh’ Eirinn. ’N uair a fhuair iad thairis do dh’ Eirinn, ’s iad mar bheagan astair do phailis rìgh Eirinn thubhairt ise ris, “Cha téid mise ’dh’ ionnsuidh an tighe car tacan. [TD 23] [Beurla] [TD 24] ’N uair a théid thusa dhachaidh bithidh an cuilean a’ leum suas ri d’ bhroilleach le sodan. Feuch thusa an cum thu dhiot e; oir ma bheanas e ri d’ eudan cha bhi cuimhn’ agad gu’m fac thu mise riamh.” An sin dh’ fhàg iad beannachd aig a chéile, ’s chaidh ise dh’ fhuireach le gobhainn a bh’ anns an àite. Cheannaich i eudach firionnaich, ’s chuir i orr’ e. Ràinig i ’n gobhainn, ’s dh’ fheòruich i ’n robh gille dhìth air. Thubhairt an gobhainn gu n robh, oir gu’n d’ fhalbh an gille ’bh’ aige an dé. Thòisich an gill’ ùr an so air ionnsachadh na goibhneachd, ’s bha e ’g ionnsachadh gu h-anabarrach math, ’s a h-uile duine ’g iomradh air cho briagh ’s a bha e. Thug e bliadhn’ aig a’ ghobhainn an sin ag obair. Cha d’ fhuair an gobhainn riamh gille ’bha cho teòm’ air ionnsachadh agus cho math ris air a h-uile dòigh. An sin thàinig iomradh gu’n robh mac rìgh Eirinn ’dol a phòsadh nighean rìgh Fhara-fo-thuinn. Còmhla ris a h-uile duine a fhuair cuireadh gu banais mhic an rìgh fhuair an gobhainn cuireadh; agus thubhairt e ris a’ ghille gu’m feumadh e dol còmhla ris a dh’ ionnsuidh na bainnse. Thubhairt an gille ris, “Tha rud agam ri ’dheanamh ’s a’ cheàrdaich a bu mhath leam a bhi agam ’n uair a ghalbhas mi. An [TD 25] [Beurla] [TD 26] toir sibh dhomh ’a cheàrdach a nochd?” “Bheir,” ars’ an gobhainn. Rinn gille ’ghobhainn cearc òir agus coileach airgid ’s a’ cheàrdaich. Air là na bainnse dh’ fhalbh e-fhéin ’s an gobhainn a dh’ ionnsuidh na bainnse. Chuir e gràinneanan de spiligeanan cruineachd ’n a phòca mu’n d’ fhalbh e. Ràinig iad tigh na bainnse, pailis an rìgh. ’N uair a chaidh iad a-stigh bha làn seomair de dhaoine air thoiseach orra. Dh’ aithnich mòran diubh an gobhainn, ’s chuir iad fàilt air. Dh’ fheòraich iad dheth am b’ urrainn e fearas-chuideachd a dheanamh a chuireadh an ùine seachad. “Cha ’n urrainn,” ars’ esan, “ach dhaoite gu’n dean an gill’ agam an so tacan dibhearsain a thoirt duinn.” Dh’ fheòraich iad an sin de ’n ghille am b’ urrainn da ’dheanamh, is thubhairt e gu’m feuchadh e ris. An sin chuir e ’mach air an ùrlar a’ chearc òir ’s an coileach airgid, agus thilg e trì spiligeanan cruineachd g’ an ionnsuidh. Thog an coileach a dhà dhiubh ’s cha d’ fhuair a’ chearc ach a h-aon. Thubhairt a’ chearc, “Gog! gog!” ’s thubhairt an coileach, “’D é ’th’ ort?” Thubhairt a’ chearc, ris a’ choileach, “Am bheil cuimhn’ agad-sa an là ’chart mise ’m bàthaiche mòr air do shon-sa?” Thòisich a’ chuideachd air gàireachdaich ’s air dibhearsain. An sin thilg gill’ a’ ghob- [TD 27] [Beurla] [TD 28] hainn trì spiligeanan eile ’mach. Thog an coileach a dhà dhiubh, ’s cha d’ fhuair a’ chearc ach a h-aon. “Gog! gog!” thubhairt a’ chearc. “’D é ’th’ ort?” ars’ an coileach. Thubhairt a’ chearc ris a choileach, “Na’m biodh cuimhn’ agad-sa an là ’thubh mi ’m bàthaiche mòr air do shon-sa le iteag nan ian, le bun gach aon it’ a-stigh, ’s le bàrr gach aon it’ a-mach, snathainn suarach sìoda ’cumail dìon a dhroma ris, cha’n itheadh tusa ’dhà ’s mise air a h-aon.” Sheall mac an rìgh air gill’ a ghobhainn agus thàinig an rud ’n a chuimhne, agus thubhairt e ris, “Feuch am bheil tuilleadh agad a thilgeas tu g’ an ionnsuidh.” Chuimhnich e ’s a’ mhionaid mar a dh’ éirich dha-san ’n uair a chaidh e ’dh’ iarraidh nighean an rìgh, agus thubhairt e ris-fhéin, “Ma gheibh mi dearbhadh eil’ air an rud bithidh mi na’s cinntiche.” An sin thilg an gille spiligeanan eile ’mach, agus thog an coileach a dhà, s’ cha d’ fhuair a’ chearc ach a h-aon. Thubhairt a’ chearc an sin, “Gog! gog!” ’s thubhairt an coileach, “’D é ’th’ ort?” Thubhairt a’ chearc, “Am bheil cuimhn’ agad-sa an là fhuair mi na h-ealachan dhuit-sa? Na’m biodh cha’n itheadh tusa ’dhà agus mis’ air a h-aon.” [TD 29] [Beurla] [TD 30] Thuig mac an rìgh mar bha ’chùis, agus chaidh e ’nunn, agus chuir e dhà làimh mu’n cuairt air gille ’ghobhainn, agus thubhairt e, “A chiall de na mnathan, ’s tu ’th’ ann”; agus dh’ fhosgail e broilleach gille ’ghobhainn an làthair na cuideachd, agus leig e ’fhaicinn doibh gur h-e boirionnach a bh’ ann. Gun tuilleadh dàlach chaidh a toirt a-stigh do sheòmar eile, agus deise boirionnaich a chur orra. Chaidh slabhruidh òir a chur mu ’muineal, fàinne òir air a làimh, agus uaireadair òir a thoirt dhi. Thubhairt e ris an té bha e ’dol a phòsadh, “So an té ’chaidh mi a dh’ iarraidh, ’s cha ghabh mi té eil’ ach i, a chionn thàinig mi troimh mhòran dheuchainnean is chunnartan air a son. Ma thogras tusa fan, agus gheibh thu do chuid de dh’ fhearas-chuideachd na bainnse; ’s mar togair, faodaidh tu falbh, oir cha ’n ’eil ceangal agad orm.” Ghabh an té ’bha e ’dol a phòsadh an toiseach ’n a àrdan ’s ’n a thàmailt mhòir e, is dh’ fhalbh i. An sin chaidh mac rìgh Eirinn is nighean rìgh an domhain a phòsadh air an là sin fhéin leis a’ mhinnistear a bha ’stigh. [TD 31] [Beurla] [TD 32] II. FIONN MAC CHUMAIL ’S AN GILLE CROM, GLAS. BHA Fionn’s a dhaoine an Eirinn, agus bu bhidheanta leotha ’bhi ’sealgaireachd. Bha’n t-sealg aig an àm so glé ghann orra agus duilich ’fhaotainn. Là de na làithean sin dh’ fhalbh iad, agus rinn iad sealg ghasda. Feasgar an là sin thill iad dhachaidh le eallachan de shithionn fhiadh agus eallachan connaidh airson teine dheanamh a bhruicheadh na sìthne. Thàinig fras throm orra de chloich-mheallain, is ghabh iad fasgadh aig taobh gàraidh. Ann an deireadh na froise chunnaic iad an gille crom, glas a’ tighinn far an robh iad, agus e ceann-ruisgte, cas-ruisgte. An ine ’bh’ air òrdaig na coise deise bha seachd òirlich air fad innte, agus bha pìos de ropa aige ’n a achlais. Thubhairt e ri Fionn Mac Chumhail, “Fàilte dhuit,” agus thubhairt Fionn, “Fàilte dhuit-fhéin, ’ille chruim, ghlais. Cia as a thàinig thu?” “As a h-uile àite ’s an robh mi riamh, co dhiubh a thig no nach tig mi as a so,” ars’ an gille crom, liath. [TD 33] [Beurla] [TD 34] Thubhairt Fionn an sin ris, “Co diubh a th’ annad òlach a tha ’g iarraidh gleachd no còmhraig no òlach a tha ’g iarraidh maighstir?” Thubhairt an gille crom, glas ris, “Is òlach mi ’tha ’g iarraidh maighstir math na ’m faighinn e.” Thubhairt Fionn ris, “Tha gille dhìth orm-sa; agus ma ni thu muinntearas rium gabhaidh mi thu.” “Ni mi,” ars’ an gille crom, glas. Thubhairt Fionn ris, “Gu ’d é ’cheàird air am bheil thu math?” Thubhairt an gille crom, glas, “Tha mi math air eallachan a ghiùlan agus air teineachan fhadadh.” Thubhairt Fionn ris, “Cha robh an Fhéinn riamh na ’s feumaiche air do leithid na tha sinn an diugh. Gu ’d é ’n tuarasdal a bhios tu ’g iarraidh gu ceann là ’s bliadhna?” Thubhairt an gille ris, “’S e ’n tuarasdal ’tha mise ’g iarraidh gu faigh mi suidhe aig an aon bhòrd riut-fhéin.” “Tha thu dona,” arsa Fionn, “mar fhiach thu sin a thoirt duit. Tha mi cinnteach gu ’n cual thu iomradh iomadh uair air Fionn Mac Chumhail. Is mise ’n duine sin.” “’S mi ’chuala,” ars’ an gille crom, glas, “agus is mòr an onoir dhomh-sa gu ’m faigh [TD 35] [Beurla] [TD 36] mi suidhe aig an aon bhòrd agus an aon chopain ris.” Rinn e ’n sin muinntearas ri Fionn. Thubhairt Fionn ris, “’Nis bheir thu leat greis de dh’ eallachan fear mu seach de na daoine, oir tha iad sgìth.” “’S mi ’bheir,” ars’ an gille. Thug e ’n sin an ròpa a-mach o ’achlais, agus shìn e air a’ bhlàr e, agus ghlaodh e, “Fear sam bith a tha sgìth cuireadh e ’eallach an so.” Ghlaodh fear an sin, “Tha mise sgìth”; ’s chuir e ’eallach anns an ròpa. Ghlaodh an gille, “Am bheil gin tuilleadh agaibh sgìth? Cuireadh e eallach an so.” Ghlaodh fear eile, “Tha mise sgìth”; agus chuir e ’eallach ’s an ròpa. Ghlaodh e an robh gin tuilleadh aca sgìth; ma bha e ’chur ’eallaich ’s an ròpa; agus chuir an treas fear ’eallach ’s an ròpa. An sin rug an gille crom, glas air an ròpa agus tharruing e ’mach e fhad eile ’s a bha e. Chaidh a h-uile eallach a bha ’n am measg uile ’chur ’s an ròpa. Rug e air an ròpa, agus theannaich e na h-eallachan air a chéile gu teann, cruaidh, agus thubhairt e ri Fionn, “Thig a nall, agus tog an eallach air mo mhuin.” “Cha téid,” arsa Fionn: “cha ’n urrainn mise ’togail.” “Mata,” ars’ an gille, “tha ainm dhaoine làidir agaibh, agus is iongantach nach urrainn sibh an eallach a thogail orm.” Dh’ fhalbh e- [TD 37] [Beurla] [TD 38] fhéin agus rug e air an ròpa, agus thug e ’n spìonadh air an eallaich ’s chuir e air a’ mhuin i. An sin thubhairt e ri Fionn, “C’ àit am math leat mi ’chur suas teine?” Thubhairt Fionn ris, “Ann am beinn Eidinn.” Thubhairt an gille crom, glas ri Fionn, “’S fhearra dhuit fhéin toiseach an rathaid a ghabhail o ’n tha thu eòlach.” Rinn Fionn sin. Bha ’n ìne ’bh’ air òrdaig na coise deise aig a’ ghille cho fada ’s gu ’n robh i ’srachdadh an eudaich a bh’ air Fionn, ’s cha b’ urrainn da e-fhéin a thoirt as air leis cho luath ’s a bha ’n gille ’coiseachd. An sin thubhairt an gille ri Fionn, “’S fhearra dhuit mi-fhéin a leigeil air thoiseach oir tha mi ’n déigh do mhilleadh.” Thubhairt Fionn, “Tha mi ro thoilichte dheth sin.” Dh’ fhalbh an gille mòr an sin is ghabh e-fhéin an toiseach. Bha fear ’s an Fhéinn ris an abradh iad Caoilte, agus ’s e sin fear a bu luaithe ’bh’ ann, ach luath ’s g’ an robh e cha bheireadh e air a’ ghille mhòr. Ràinig an gille mòr beinn Eidinn, agus dh’ fhadaidh e teine, agus chuir e ’n coire air an teine agus an t-sithionn ’s a’ choire, ’s bha goil air mu ’n d’ ràinig Caoilte. Mu ’n d’ ràinig na daoine uile bha ’n t-sithionn bruich; agus bha cuid a h-uile dithis agus cuid a h-uile triùir air a chur còmhla, agus a chuid fhéin agus cuid [TD 39] [Beurla] [TD 40] Fhinn còmhla. Ghabh iad an sin an dìnneir de shithionn an fhéidh agus d’ a sùgh. Bha fear beag, lebideach aig Fionn ris an abradh iad Conan, agus bha e anabarrach crosda. Dh’ éirich Conan ’n a sheasamh, agus thubhairt e, “Cha bhi mise beò ma bhios an gille crom, glas air an aon bhòrd agus aon chopan ri m’ rìgh saoghalta gu ceann là ’s bliadhna.” Thubhairt Fionn ris, “Cuist! a’ bhiast; cum do theangadh; cha robh thu riamh ach crosda: ’s e sin tuarasdal a’ ghille, agus feumaidh e ’fhaotainn; agus is math an airidh air e. Ni ’n gille rud nach dean sibh uile gu léir.” “Cha ’n ann mar sin a bhios,” arsa Conan, “ach mar so. Innsidh mise dhuit, ’Fhinn mhic Chumhail, mar a ni sinn air.” Thubhairt Fionn, “Tha e tàmailteach leam-sa a chur air falbh, agus nach d’ rinn e ach tighinn an diugh fhéin; agus cha d’ fhuair mise gille riamh ach e-fhéin a rinn an diugh a leithid de ghnìomh ’s a rinn esan. Gu ’d é ’tha sinn ’dol a dheanamh ris?” Thubhairt Conan, “Cuiridh sinn e ’dh’ iarraidh cupa ceithir-cheàrnach na Féinne gu ruig Lochlann. Tha ’fhios agad fhéin gu ’n d’ thug rìgh Lochlainn uainn an cupa o cheann sheachd bliadhna, agus gu bheil e daonan a’ gealltainn a chur dhachaidh. ’S iomadh là [TD 41] [Beurla] [TD 42] blàir agus batailt a thug sinn ’g a thoirt a-mach, agus dh’ fhairslich e oirnn; agus cuiridh sinn an gille crom, glas a dh’ iarraidh a’ chupain; agus tha ’fhios agam nach tig e as a sin gun ’bhi air a mharbhadh.” Thubhairt Fionn, “Leigidh sinn mar sin fhéin a’ chùis.” An sin thubhairt Fionn ris a’ ghille chrom, ghlas, “Tha mi ’nis ’dol g’ ad chur air ghnothuch.” “Gu ’d é ’n gnothuch a th’ ann?” ars’ an gille crom, glas. “Tha,” thubhairt Fionn, “gu ’n téid thu dh’ iarraidh cupa ceithir-cheàrnach na Féinne.” Thubhairt an gille, “’S iomadh là blàir agus batailt a bh’ agaibh fhéin ’g a thoirt a-mach, agus dh’ fhairslich oirbh. ’S math a’ bharail aon duine ’th’ agad orm-sa. Co aige ’tha ’n cupa?” Thubhairt Fionn, “Tha aig rìgh Lochlainn, agus theagamh gu ’n coinnich thu e ’tighinn air an rathad leis.” Chaidh iad an sin a luidhe anns na bùithean a bh’ aca air beinn Eidinn; agus ’n uair a thàinig an là dh’ éirich an gille crom, glas, ’s chuir e uime ’chuid eudaich is dh’ fhalbh e. Fhuair e ’n t-aiseg freagarrach dha gus an d’ ràinig e Lochlann, agus ràinig e pailis rìgh Lochlainn ann an dorcha na h-oidhche, agus bhuail e ’n dorus le ’bhois. Thubhairt an dorsair ris, “Co thusa?” [TD 43] [Beurla] [TD 44] Thubhairt esan, “Is gille math coinnle mi.” Dh’ fhalbh an dorsair, agus dh’ innis e do ’n rìgh gu ’n robh gille coinnle aig an dorus, agus thubhairt an rìgh, “Is math sin; ’s ann an diugh fhéin a dh’ fhalbh gille na coinnle; leig a-stigh e.” Leig an dorsair a-stigh e, agus thug e suas e do ’n t-seòmar ’s an robh an rìgh ’s na h-uaislean. An sin fhuair e ’choinneal g’ a gleidheadh ’n a làimh. Bha na h-uaislean ag itheadh ’s ag òl an sin; agus ’n uair a bha esan a’ fàs sgìth a bhi gleidheadh na coinnle thubhairt e, “’S iomadh cùirt rìgh is ridire a shuidh agus a sheas mi; ach leithid cùirt rìgh Lochlainn cha do suidh ’s cha do sheas mi riamh—cho mi-mhothail rithe.” Thubhairt rìgh Lochlainn ris, “Gu ’d é ’m mi-mhodh a tha thu ’faicinn am chùirt-sa?” “Innsidh mi sin duit,” ars’ an gille. “Tha sibh ag itheadh ’s ag òl an sin ona thàinig mise ’stigh, agus cha d’ fheòraich sibh de ghille na coinnle an d’ fhuair e biadh no deoch fhathast.” “’S fhìor sin,” ars’ an rìgh; “tha thu glé cheart: thugaibh dha deoch.” Thug iad dha cupa ceithir-cheàrnach na Féinne, ach cha robh deur ann. Thubhairt an gille mòr, “’S e so a ’s mi-mhodhaile air fad, soitheach falamh a thoirt do dhuine.” Thubhairt an rìgh ris, “’S e sin cupan ceithir- [TD 45] [Beurla] [TD 46] cheàrnach na Féinne, agus deoch sam bith a mhiannaicheas tu-fhéin bithidh e ann.” Smuainich an gille air a làn uisge. ’N uair a fhuair e ’n t-uisge ’s a’ chupa thum e ’choinneal ’s an uisge ’s chuir e as i. A sìos ghabh e ’dh’ ionnsuidh an doruis, agus rug e air an dorsair air chaol choise, agas spad e ris an ursainn e, agus dh’ fhalbh e, agas dh’ fhalbh e gu math, agus as a dhéigh ghabh iad; ach cha robh de dhaoine an Lochlann na bheireadh air. An sin thug e ’aghaidh dhachaidh air Eirinn. ’N uair a fhuair e air tìr an Eirinn choisich e gu ruig beinn Eidinn far an robh Fionn ’s a chuid daoine. ’N uair a bha e faisg do ’n àite co ’thachair air ach Conan? Thubhairt Conan ris, “Thàinig thu ’nis, agus bithidh tu ro mhòr asad fhéin. An d’ fhuair thu ’n cupa?” “Fhuair,” ars’ esan; “’s mar a faigheadh cha b’ urrainn duibh-se, ’fhaotainn.” Thubhairt Conan, “Feumaidh tu-fhéin is mise feuchainn co againn a ’s fhaide ’leumas.” Thubhairt an gille, “Tha mise sgìth gu leòir a’ gearradh leum ona dh’ fhàg mi sibhse mu dheireadh. C’ àit an téid sinn a leum?” Thubhairt Conan, “Tha lochan uisge shuas an so, agus feuchaidh sinn co ’s fheàrr a leumas thairis air.” [TD 47] [Beurla] [TD 48] Ràinig iad an lochan an sin, agus thubhairt an gille mòr, “Leum fhéin an toiseach dh’ fheuch am faic mi cia-mar a ni thu.” Ghabh Conan an sin roid mhòr an coinneamh a’ chùil, agus leum e, agus cha deachaidh e na b’ fhaide na teis-meadhon an loch, ’s cha robh an uachdar dheth ach an ceann. Leum an gille mòr an sin, agus anns an leum rug e air fhalt air Conan, agus thug e leis gu tìr air an taobh eil’ e. An sin thubhairt Conan ris, “Ah! mar sleamhnaicheadh mo chasan leumainn-sa cho math riut fhéin. Feumaidh tu-fhéin is mise dol a dh’ fheuchainn cara-gleachd.” Chaidh iad an sin an caraibh a chéile, ’s chuir an gille mòr fodha e. Thubhairt Conan an sin, “Mar sleamhnaicheadh mo chasan cha leagadh tu mi; ach feumaidh sinn ’fheuchainn fhathast.” Chaidh iad an caraibh a chéile a rìs, is leag an gille mòr e, agus cheangail e le ròpa a cheithir chaoil, is dh’ fhàg e ’n sin e. An sin ràinig e Fionn Mac Chumhail agus thug e dha ’n cupa agus thubhairt e ris, “Gleidh gu math a-nis e ona fhuair thu e. Tha mise ’dol g’ ad fhàgail; cha ’n fhan mi na’s fhaide leat.” Thubhairt Fionn, “Cha dealaich mi riut mar sin.” [TD 49] [Beurla] [TD 50] Thubhairt an gille mòr, “Cha ’n fhan mi idir, idir, a chionn ged nach biodh ann ach Conan fhéin cha ’n urrainn mi cur suas leis.” Dh’ fhàg an gille mòr beannachd aige ’n sin, is dh’ fhalbh e. An sin dh’ fhàg Fionn ’s a dhaoine beinn Eidinn, ’s thàinig iad gu taobh na fairge, ’s chuir iad a suas bùithean anns am biodh iad a’ fuireach lamh ri coille far am faigheadh iad connadh goireasach. Là ’bha ’n sin bha Fionn a’ gabhail sràid taobh na tràgha leis fhéin, agus chunnaic e ’tighinn a-stigh a dh’ ionnsuidh na tràgha bàta, agus aon duine ’g a h-iomram, agus dh’ éirich an duine ’n a sheasamh anns a’ bhàta, agus thubhairt e, “Fàilte dhuit, ’Fhinn Mhic Chumhail.” Fhreagair Fionn is thubhairt e, “Na ’m faiceadh tu Fionn Mac Chumhail! Cha deanainn-sa gille ’ghlanadh a bhròg.” Thubhairt am fear a bha ’s a’ bhàta ris, “Is tu Fionn Mac Chumhail. Tha sgàthan agam-sa ’n so, agus feumaidh tu amharc ann, oir cha ’n éirich ìomhaigh duine sam bith ann ach ìomhaigh Fhinn Mhic Chumhail.” An sin thàinig e as a’ bhàta, agus chaidh e far an robh Fionn, agus thug e air sealltuinn anns an sgàthan, agus dh’ éirich ìomhaigh Fhinn anns an sgàthan. “’Fhianuis ort-fhéin a-nis gur tu Fionn Mac Chumhail.” [TD 51] [Beurla] [TD 52] Thubhairt Fionn ris, “Cha ’n fhaod mi ràdhainn nach mi.” Thubhairt am fear a bha ’s a’ bhàta ri Fionn, “Feumaidh tu ’bhi agam-sa nochd air cuirm agus cuid oidhche”; agus thubhairt Fionn ris, “C’ àit am bheil do thigh ’s am bheil thu ’fuireach?” Thubhairt fear a’ bhàta ris, “Is duine glic thu-fhéin, ’s bi ’faotainn sin a-mach”; agus phut e ’m bàta air falbh leis na ràimh, agus ghlac e ’n cuan. Ghabh Fionn air ’aghaidh a ghabhail sràid taobh a’ chladaich, agus chunnaic e ’tighinn ’n a choinneamh seachdnar ghillean, ’s iad as an léintean. Thubhairt Fionn riù, “Fàilte dhuibh, ’illean òga”; agus thubhairt iadsan ris, “Fàilte dhuibh fhéin.” Thubhairt Fionn riù, “C’ àit am bheil sibh a’ dol?” Fhreagair iadsan, “Tha sinn a’ falbh dh’ fheuch am faigh sinn cosnadh. Thubhairt esan riù ’n sin, “An bheil ceàird agaibh?” Thubhairt iadsan gu ’n robh ceàird aig a h-uile fear aca. Thubhairt e ris a’ cheud fhear, “’D é ’cheàird a th’ agad-sa?” Thubhairt am fear eile ri Fionn, “Tha mi ann am shaor.” Thubhairt Fionn ris, “Gu ’d é ’n t-saorsainneachd a ’s fheàrr a ni thu?” Thubhairt am fear eile ri Fionn. “Ni mi long cho math ’s a chaidh air sàile riamh le trì buillean de bhàrr [TD 53] [Beurla] [TD 54] mo bhròige air stoc feàrna.” Thubhairt Fionn, “Tha sin ro mhath: cha ruig thu leas dol na ’s fhaide ’dh’ iarraidh maighstir: gabhaidh mi-fhéin thu.” An sin thubhairt Fionn ris an dara fear, “Gu ’d é ’cheàird a th’ agad-sa?” Thubhairt an gille ri Fionn, “Tha mi ann am fhiosaiche math.” Thubhairt Fionn ris, “Gu ’d é ’n fhiosachd a ni thu?” Thubhairt an gille ris, “Ni mi fiosachd air an rud a thàinig ’s air an rud nach d’ thàinig.” Thubhairt Fionn ris, “Cha ruig thusa leas dol na ’s fhaide a dh’ iarraidh maighstir: gabhaidh mi-fhéin thu.” Thubhairt Fionn ris an treasa fear, “Gu ’d é ’cheàird a th’ agad-sa?” Thubhairt esan, “Tha mi am fhear-luirge math.” Thubhairt Fionn ris, “Gu ’d é ’n luirg a’s fheàrr a ni thu?” Thubhairt an gille ri Fionn, “Gabhaidh mi luirg lacha fad thrì siùil-mhara air an t-snàmh.” Thubhairt Fionn, “Cha ruig thu leas dol na’s fhaide a dh’ iarraidh maighstir: gabhaidh mise thu.” An sin thubhairt Fionn ris a’ cheathramh fear, “Gu ’d é ’cheàird a th’ agad-sa?” Thubhairt an gille ri Fionn, “Tha mi ann am mheàrlach math.” Thubhairt Fionn ris, “Gu ’d e ’mhèirle ’s fheàrr a ni thu?” Thubhairt an gille ris, “Goididh mi an t-ubh o’n chorra-ghriodhaich ged bhiodh a dà shùil ag amharc air.” “Mata,” thubhairt Fionn, “tha thu math. [TD 55] [Beurla] [TD 56] Cuiridh mi feum air meàrlach cuideachd, agus cha ruig thu leas dol na’s fhaide a dh’ iarraidh maighstir: gabhaidh mi-fhéin thu.” An sin thubhairt Fionn ris a’ chòigeamh fear, “Gu ’d é ’cheàird a th’ agad-sa?” Thubhairt an gille ri Fionn, “Tha mi ann am streapadair math.” “Gu ’d é,” arsa Fionn, “an streap a’s fheàrr a ni thu?” “Streapaidh mi,” ars’ an gille, “ri caisteal ged bhiodh mìl’ air àird’ ann, ’s e air a chùrainneachadh le craicionn easgann.” “Gabhaidh mi thusa cuideachd,” arsa Fionn; “cha ruig thu leas dol na’s fhaide.” Thubhairt e ’n sin ris an t-seathamh fear, “Gu ’d é ’cheàird a th’ agad-sa?” “Tha mi,” ars’ esan, “am fhear-cuimse math le bogha ’s saighead.” Thubhairt Fionn ris, “Gu ’d é ’chuimse ’s fheàrr a ni thu?” “Bristidh mi ubh air a cheann caol,” ars’ an gille, “ged bhiodh e trì cheud slat bhuam.” Thubhairt Fionn rìs, “Cha ruig thu leas dol na’s fhaide: gabhaidh mi-fhéin thu.” An sin thubhairt Fionn ris an t-seachdamh fear, “Gu ’d e ’cheàird a th’ agad-sa?” Thubhairt an gille, “Tha mi ’m fhear an i greim math air rud sam bith. Cha do leig mi riamh as mo ghreim ge b ’air bith cho làidir an spionnadh a bha am aghaidh.” Thubhairt Fionn, “Gabhaidh mi thusa cuideachd”; agus thubhairt e riu uile, “Ma chuala sibh riamh iomradh air Fionn Mac [TD 57] [Beurla] [TD 58] Chumhail is mise an duine.” Thubhairt iadsan, “Is sinn a chuala; ’s fhada uaith sin; agus is mòr an onoir dhuinn a bhi ’n ar gillean aig Fionn Mac Chumhail.” An sin thubhairt Fionn ris an fhiosaiche, “An innis thu dhomh-sa gu ’d é ’m fear a bha ’bruidhinn rium an diugh a bh’ anns a’ bhàta?” Thubhairt am fiosaiche, “’Se ’m fear a bha ’n sin rìgh mòr”; agus an sin thubhairt Fionn ris, “Gu ’d é ’m feum a bh’ aig orm?” Thubhairt am fiosaiche, “Tha ’bhean ri bhi ’n a leabaidh shiùbhladh a nochd, agus tha mac òg ri bhi aice. Bha triùir aice roimhe sin, agus chaidh an goid air falbh, agus chaidh ’innseadh do ’n rìgh nach b’ urrannear leanabh a bhiodh aice ’chumail gus am faigheadh e Fionn Mac Chumhail agus a sheachdnar ghillean leis a chumail caithris no faire air a’ bhàruinn an oidhche sin. ’S e sin am feum a th’ ort, agus feumaidh tu ’bhi ’n sin a nochd.” Thubhairt Fionn an sin ris an t-saor, “Falbh, agus dean long cho luath ’s is urrainn thu.” Dh’ fhalbh an saor do ’n choille, ’s gheàrr e stochd mòr feàrna, ’s thug e leis air a ghualainn e, agus chuir e aig beul an làin e air an tràigh, agus bhuail e trì buillean de bhàrr a bhròige air, ’s rinn e long dheth. An sin chuir iad a-mach air an loch i, agus rinn e stiùir g’ a deireadh agus [TD 59] [Beurla] [TD 60] beairt g’ a bùilsgean. An sin chaidh Fionn ’s a sheachdnar ghillean air bòrd orra. Thog iad na siùil bhreaca, bhaidealach ris na crannan caola, fulangach, fiùbhaidh, nach fàgadh ball gun tarruing no fuar bhòrd gun sàrachadh. An fhaochag chrom, chiar, a bha bho cheann sheachd bliadhna air grunnd an aigeil, bheireadh i fead air a beul-mòr is cnag air a h-ùrlar, lùbartaich easgan is feadartaich fhaoileann, a’ bhéist bu mhò ag itheadh na béiste ’bu lugha, ’s a’ bhéist a bu lugha ’deanamh mar a dh’ fhaodadh i, brìosan beag laghach mar a thogradh ’s mar a dh’ iarradh iad-fhéin, a bheireadh fraoch a beinn ’s duilleach a coille, ’s seileach òg as a bhun ’s as a fhriamhaich. An coinlean, cruaidh coirce nach do chuireadh an uiridh ’s nach do bhuaineadh am bliadhna ghearradh i le ro fheabhas a stiùraidh, croin àrda ’g an lùbadh, ’s siùil ùra ’g an reubadh, a’ caitheamh na fairge fiolcanaich, falcanaich, leobhar-ghuirm, leabhar-uaine, ’s leabhar-dheirge Lochlannaich. Ràinig iad an sin Lochlann, agus thug iad an long air tìr, agus chaidh iad suas gu pailis rìgh Lochlainn, ’s chaidh rìgh Lochlainn a-mach an coinneamh Fhinn Mhic Chumhail, agus chuir e fàilte shuilbhir air, is thubhairt e ris, “’S math a rinn thu tighinn.” An sin thug e ’stigh e do ’n phailis, ’s chaidh bòrd a chur air a’ bheulaobh, [TD 61] [Beurla] [TD 62] de na h-uile seòrsa béidh. Bha iad a cur seachad na h-oidhche mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad; agus dh’ fhàs a’ bhàruinn tinn, agus thàinig mac òg thun an t-saoghail dhi ’n sin. Chaidh Fionn ’s a sheachdnar ghillean a chur g’ a faireadh. ’S e sin a thàinig an t-aon cheòl a bu bhinne ’chualas riamh, agus chuir e ’h-uile duine ’n an cadal. Gillean Fhinn Mhic Chumhail thuit iad ’n an cadal. Bha Fionn e-fhéin an impis tuiteam leis a’ chadal, agus cha robh ’fhios aige gu ’d é dheanadh e. An sin chuir e ’n poker ’s an teine, ’s rinn e gu math teth e, agus ghleidh e ri ’smig e, air chor is an uair a chromadh e ’cheann a sìos gu ’m beanadh e ris a’ phoker; agus bha so ’g a chumail ’n a fhaireachadh. An sin thug e sùil uair de na h-uaireanan mu’n cuairt, agus chunnaic e làmh mhòr a’ tighinn a-nuas a bràigh an t-seòmair ’s a’ deanamh dìreach air a’ phàiste ’bh’ aig a’ bhàruinn chum a thogail leatha. Ghlaodh Fionn, “A ghramaiche, am bheil thu ’d chadal?” Ghlaodh an gramaiche, “Cha ’n ’eil a-nis.” Thubhairt Fionn ris, “Ma rinn thu gramadachd riamh tha agad ri dheanamh a-nis.” Dh’ éirich an gramaiche ’n sin, ’s rug e air chaol dhùirn air an làimh, agus thug an làmh a suas e gus an d’ ràinig e mullach an t-seòmair, agus dh’ fhorc e ’dhà chois gu h-àrd ri mullach [TD 63] [Beurla] [TD 64] an t-seòmair, agus thug e nuas an làmh gus na bhuail e ’dhruim fhéin air an ùrlar, agus thug esan an dara spìonadh orra, agus thug e as an t-slinnean i; agus ma chaidil iad le ceòl binn dhùisg iad le sgreadail ’s le sgreuchail uamhasaich. Bha’ n so an tigh air a dhùsgadh, agus thòisich greadhnachas anabarrach ’s toil-inntinn gus an robh an là ann. Fhuair iad biadh is deoch gu leòir airson am braiceas an là’r na mhàireach; agus thubhairt an rìgh ri Fionn, “Gu ’d é ’nis am paigheadh a tha thu ’g iarraidh orm-sa?” Thubhairt Fionn, “Cha ’n ’eil mi ’g iarraidh paigheadh sam bith, na ’m faighinn claidheamh math.” “Bheir mi sin duit,” thubhairt an rìgh. Thug an rìgh an sin e do sheòmar nan arm, agus thubhairt e ris, “Claidheamh sam bith an sin a roghnaicheas tu-fhéin gheibh thu e.” Bha Fionn a’ làimhseachadh ’s a’ feuchainn nan claidhean, ach cha robh e ’faotainn gin a bha ’g a thoileachadh. Thug an rìgh an sin a-nall an claidheamh mòr a bh’ aig a sheanair, ’s chuir e ’n làimh Fhinn e, ’s chòrd e gu math ri Fionn. An sin thubhairt Fionn ri ’ghillean, “Nach fhearra dhuinn a-nis a bhi tilleadh dhachaidh!” “’S fheàrr,” thubhairt na gillean. Ghabh iad an sin thun a’ chadaich, ’s chuir iad a-mach an [TD 65] [Beurla] [TD 66] long, ’s thàinig iad a h-uile ceum do dh’ Eirinn leatha, ’s chaidh iad a dh’ ionnsuidh an àite far an robh na bùithean aige, agus a dhaoine. Phàigh e ’n so tuarasdal nan gillean, agus dh’ fhalbh, is dh’ fhàg iad e. [TD 67] [Beurla] [TD 68] III. RÌGH A BH’ AIR AIR ALBAINN. BHA aon mhac agus nighean aig an rìgh so. Thàinig famhair mòr, agus thug e leis an nighean gun taing. Bha còmhnuidh an fhamhair so ann an uaimh mhòir. Bhuail galar a’ bhàis an rìgh, agus shiubhail e. Chaidh an sin a thìodhlacadh, agus bha ’mhac ri bròn ’s ri caoidh as a dhéidh. Bu bhidheanta leis dol a dh’ ionnsuidh na lice ’s a’ chladh a chaoineadh, agus uaireanan a chadal. Là ’bha ’n sin chaidil e aig an lic, agus thàinig gille mòr, fuathasach grànda ri amharc air far an robh e, agus thubhairt e ris an rìgh òg, “Feumaidh mise ’bhi agad-sa am gille gu ceann là ’s bliadhna.” Thubhairt an rìgh òg ris, “Cha bhi a leithid de dhuine grànda agam-sa ’n a ghille, a chionn ’n uair a chì mo sheirbheisich thu ’s ann a ghabhas iad eagal romhad.” “Tha sin ’s a roghainn a bhi dha; feumaidh mise ’bhi am ghille agad,” ars’ an gille mòr. “Feumaidh tu sgur a bhi caoidh t-athar, oir éiridh na’s miosa dhuit. Théid mise ad ionnsuidh am màireach.” [TD 69] [Beurla] [TD 70] Dh’ fhalbh an rìgh an so, ’s chaidh e dhachaidh, agus e fìor dhuilich a leithid de ghille ’thachairt air. Anns a’ mhaduinn an là ’r na mhàireach chaidh an dorus a bhualadh, ’s dh’ éirich an rìgh, ’s dh’ fhosgail e ’n dorus, agus thàinig gille briagh a-stigh far an robh e, agus thubhairt e ris, “Am bheil gille ’dhìth ort an diugh, a rìgh Albainn?” “Cha ’n ’eil,” ars’ an rìgh; “fhuair mi gille grànda ’n dé, agus mur bhi sin ghabhainn thu.” Dh’ fhalbh an gille mòr agus chuir e car dheth air an ùrlar, is ’d e bh’ aig an rìgh ach an gille grànda ’fhuair e ’n dé! Thubhairt an gille ’n sin ris an rìgh, “An e so e?” “’S tu,” ars’ an rìgh; “ach fàs ad ghille briagh a rìs, agus bithidh mi ro thoilichte t-fhaotuinn.” Dh’ fhalbh an gille, agus chuir e ’n car ud dheth fhéin, agus dh’ fhàs e ’n a ghille briagh mar a bha e ’n uair a thàinig e ’stigh. Thubhairt e ’n sin ris an rìgh, “Bha mi ’g iarraidh ort sgur a bhi caoidh t-athar na’s fhaide.” Chaidh an rìgh an là so ris a dh’ ionnsuidh na lice fo ’n robh ’athair air a thìodhlacadh, agus chaidil e, agus thàinig guth g’ a ionnsuidh, agus thubhairt e ris, “Am bheil thu ad chadal, a rìgh og Albainn?” ’s thubhairt an rìgh, “Cha ’n eil a-nis,” ’s e ’dùsgadh. Thubhairt an guth so ris, “Feumaidh tu ’innseadh dhomh-sa gu ’d é [TD 71] [Beurla] [TD 72] ’chum rìgh Eirinn gun ghean, gun ghàire o cheann sheachd bliadhna.” Thubhairt an rìgh ris a’ghuth, “Cha ’n urrain domh-sa fios fhaotainn air a sin.” Thubhairt an guth, “Mur h-urrainn thig an ceann dhiot-sa.” Thill an rìgh dhachaidh an là so ’dh’ ionnsuidh a thighe, agus e fuathasach duilich; agus choinnich an gill’ aig’ e, agus thubhairt an gille ris, “Gu ’d é ’th’ oirbh an diugh, a rìgh Albainn? oir tha sibh ag amharc ro bhrònach.” Thubhairt an rìgh ris, “Cha ’n iongantach sin”; agus thubhairt an gille ris, “Innsibh dhomh gu ’d é ’th’ oirbh”; ’s thubhairt an rìgh, “Tha gu’m feum mi falbh a dh’ fhaotuinn fios gu ’d é ’chum rìgh Eirinn gun ghean, gun ghàire o cheann sheachd bliadhna.” “Mata,” thubhairt an gille, “nach d’ iarr mis’ oirbh sgur a bhi ’caoidh ur n-athar. ’S iomadach gaisgeach foghainteach a chaidh a dh’ iarraidh sgeòil air a sin, agus cha ’n fhacar gin riamh dhiubh a’ tilleadh air an ais. Co dhiubh feumaidh tu falbh, agus falbhaidh mise leat; agus mur fheàird thu mi cha mhisd thu mi.” An là’r na mhàireach dh’ fhalbh iad; agus ’n uair a bha e teann air deireadh an là thubhairt rìgh Albainn ris à’ ghille, “C’ àit am bi sinn a nochd?” Agus thubhairt an gille ris an rìgh, “Bithidh [TD 73] [Beurla] [TD 74] sinn a nochd còmhla ri d’ phiuthair agus an fhamhair mhòr.” Thubhairt an rìgh, “Cha bhi, oir marbhaidh e sinn.” Thubhairt an gille mòr ris an rìgh, “Dà thrian ’eagail air fhéin, agus trian oirnn-ne dheth.” Ràinig iad uamh an fhamhair air an fheasgar sin, agus cha robh am famhair a-stigh ’n uair a ràinig iad; agus ’n uair a chunnaic a phiuthar a bràthair chuir i a dà làimh mu’n cuairt air, agus phòg i e, agus thòisich i air caoinedh. Bha gàirdeachas orra a bràthair fhaicinn air an dàrna dòigh, agus bròn orra air an dòigh eile; oir bha eagal orra gu marbhadh am famhair e; agus dh’ iarr i orra a bhi ’falbh mu ’n tigeadh am famhair. Dh’ fheòraich an gille mòr dhi c’ àit an robh e, agus thubhairt i ris, “Tha anns a’ bheinn shìne is sheilg.” Thubhairt esan an sin ris an rìgh, “Fanaidh tusa còmhla ri d’ phiuthair, agus théid mise ’n coinneamh an fhamhair.” Dh’ fhalbh an gille ’n sin, agus choinnich e’ ’m famhair a’ tighinn, agus thubbairt am famhair ris, “Thig a nall làmh rium, agus feuch an seinn thu ceòl dhomh.” Chaidh e null làmh ris, agus tharruing e ’chlaidheamh, agus thug e ’n ceann de ’n fham- [TD 75] [Beurla] [TD 76] hair, agus thug e dhachaidh leis an ceann, agus thìlg e ann an cùil de ’n uaimh e, agus thubhairt e rithe, “Sin agad ceann an fhamhair.” Thug ise sùil air, agus rinn i lasan beag caoinidh, agus thubhairt i ris, “Dh’ aithnich mi gu’m bu ghaisgeach thu. Feumaidh tu ’nis ’innseadh dhomh-sa c’ àit am bheil mo bràthair ’s tu-fhéin a ’dol.” Thubhairt an gille rithe, “Tha sinn a’ dol dh’ fhaotuinn fios gu ’d é’ chum rìgh Eirinn gun ghean, gun ghàire o chéann sheachd bliadhna.” “Mata,” ars’ ise, “’s iomadh aon a chunnaic mise a dh’ fhalbh dh’ fheuch am faigheadh iad fios air a sin, agus cha ’n fhaca mi riamh gin a’ tilleadh dhiubh.” An sin chuir i ’n òrdugh biadh dhoibh, agus chuir i ’luidhe iad, agus anns a’ mhaduinn dh’ éirich i gu math tràthail, ’s rinn i ’m braiceas. Bha ian geal, anabarrach briagh ri ’fhaicinn aig an fhamhair, agus sheinneadh e ’h-uile seòrsa ceileir a bhiodh aig ian sam bith eile a thuilleadh air a cheileiribh fhéin. Thubhairt an gille an so ri piuthar an rìgh, “Bheir sinn leinn an t-ian; agus ma gheibh rud sam bith bruidhinn de rìgh Eirinn ’s e ’n t-ian a bhi againn.” Agus thubhairt ise, “Uh! geibh sibh an t-ian, ach sibh a ghabhail curaim mhaith dheth.” Thubhairt an gille, “Ma thilleas sinne sàbhailte dhachaidh tillidh an t-ian.” [TD 77] [Beurla] [TD 78] Thubhairt ise, “An saoil sibh c’ uin a dh’ fhaodas fiughair a bhi agam-sa ruibh air ur n-ais?” Thubhairt an gille rithe, “Ma bhios sinn beò ris biodh fiughair agad ruinn an ceann bliadhna.” An sin dh’ fhàg iad beannachd aig piuthar an rìgh, agus thog iad orra, agus ràinig iad baile mòr rìgh Eirinn, agus an sin ràinig iad pailis an rìgh, agus bha ’n oidhche ann ’n uair a ràinig iad, agus bha balla àrd, mòr mu ’n cuairt pailis an rìgh, air alt ’s nach faigheadh duine a-stigh gus an rachadh na geatachan fhosgladh ’s a’ mhadiunn. Dh’ fhuirich iad taobh a’ bhalla sin gus an d’ thàinig a’ mhaduinn, a’ sràid-imeachd ’s a’ cumail blàiths orra fhéin. Am balla mòr a bh’ ann an so bha bioran iaruinn taobh ri taobh air a mhullach, agus ceann duine air a h-uile bior dhiubh ach an dà bhior. B’ iad sin cinn na feadhnach a bha ’dol a dh’ iarraidh sgeòil mu chor an rìgh. Thubhairt an gille ’n sin ris an rìgh, “Am faic thu sin? ’S iad na cinn againn-ne, ma dhaoite, ’théid air an dà stop sin.” Thubhairt an rìgh, “Cha ’n ’eil atharrach air. Tha mise ’creidsinn gur h-ann mar sin a bhios.” Thubhairt an gille mòr an sin, “’Dean air t-athais; cha ’n ’eil thu cinnteach”; agus dh’ fhalbh an gille mòr, agus chuir e ’n t-ian air aon de na stuib, agus thubhairt e ris, “Seinn a-nis ma rinn thu riamh e.” [TD 79] [Beurla] [TD 80] Thòisich an t-ian air seinn, agus chualaig rìgh Eirinn e, agus air leis nach cual e riamh ceòl cho taitneach ris; agus thog e suas an uinneag, agus chunnaic e dithis dhaoine ’n an seasamh taobh a-mach a ’bhalla, agus chunnaic e ’n t-ian bòidheach so air fear de na bioran, agus thubhairt e ris a’ ghille aige, “Falbh a-mach, agus abair ris na daoin’ ud tighinn a-stigh an so, agus thugadh iad a-stigh leò ’n t-ian chum gu ’n cluinn mise tacan d’ a cheòl, agus gheibh iad pàigheadh math air a shon, agus their thu riutha gun duin’ air bith’ ’g am faicinn a’ tighinn a-stigh ach iad-fhein.” Chaidh an gille ’n sin a-mach, agus thubhairt e riutha gu’n robh rìgh Eirinn ’g an iarraidh a-stigh, agus gun duine ’g am faicinn a ’dol a-stigh ach iad-fhéin, agus ars’ esan riutha, “Thugaibh an t-ian a-stigh leibh.” “Ud! ud! ni sinn sin,” ars’ an gille mòr A stigh ghabh iad an so, agus bha dorsair a-stigh a’ feitheamh an doruis, agus rug an gille mòr air dhà chois air, agus spad e ris an ursainn e, agus chaidh gille rìgh Eirinn, agus dh’ innis e dha gu’n do spad an gille mòr an dorsair. “Falbh ’s abair riutha tighinn a-stigh an so,” ars’ an rìgh, “chum gu’n cluinn mise tacan de cheileireadh an eòin.” Thubhairt an gille mòr, “Gheibh e sin airson a phàigheadh mhath fhéin.” [TD 81] [Beurla] [TD 82] Chaidh iad an sin a-stigh do sheòmar an rìgh, agus thubhairt an rìgh riutha, “Nach sibhse na daoine ladurna, mi-mhodhail dol a spadadh an dorsair agam-sa?” “Nach ann agad fhéin a bha ’choire?” ars’ an gille mòr. “Cia-mar a bha ’choire agam-sa dheth?” ars’ an rìgh. “Innsidh mi sin duit,” ars’ an gille mòr. “Nach do chuir thu fios le d’ ghille gun duine ’g ar faicinn a’ tighinn a-stigh ach esan? Mur bhi sin cha do bhean mise ri d’ dhorsair.” Thubhairt an rìgh, “Leigidh sinn sin seachad an dràst. Tha toil agam tacan de cheileireadh an eòin a chluinntinn, agus pàighidh mi thu air a shon.” Thubhairt an rìgh ris, “Cuir an t-ian gu h-àrd air a’ phreas an sin.” Chuir an gille mòr an t-ian an sin air a’ phreas a suas, agus thòisich an t-ian an sin air ceileireadh, agus thaitinn e ris an rìgh gu h-anabarrach math, agus thubhairt an rìgh ris, “Gu ’d é ’nis am pàigheadh a tha tha ’g iarraidh?” Thubhairt an gille mòr, “’S e ’m pàigheadh a tha mi ’g iarraidh gu ’n innis thu dhomh-sa gu ’d é ’chum thu gun ghean, gun ghàire o cheann sheachd bliadhna.” “Ah!” ars’ an rìgh, “am bheil thu-fhéin a’ smuaineachadh gu ’n innsinn-sa sin dhuit-sa? [TD 83] [Beurla] [TD 84] ’S iomadh fear a thàinig a dh’ fheuchainn am faigheadh iad fios air a sin nach do thill dhachaidh a dh’ innseadh sgeòil, agus ’s ann mar sin a dh’ éireas dhuit-sa agus do d’ mhaighstir. Cha ’n ’eil bior air a bhall’ ud air nach ’eil ceann duine ach an dà bhior, agus ’s e do cheann-sa agus ceann do mhaighstir a théid orra sin aig dà uair dheug an diugh.” Thubhairt an gille mòr ris an rìgh, “Cha ’n ’eil thu uile gu léir cinnteach. ’S fhearra dhuit innseadh dhomh-sa, agus mur innis thu ad dheòin e innsidh tu gun taing e.” '”A bheadagain bhalaich! an ann mar sin a fhreagaras tu rìgh Eirinn?” Agus thubhairt an gille mòr, “’S ann dìreach mar sin, agus mur innis thu ad dheòin e innsidh tu gun taing e.” Dh’ fhalbh an gille mòr an sin, is rug e air dhà chois air an rìgh, agus thilg e thar nan seachd spàrran a sìos e, agus air ’ais thar nan seachd spàrran a nìos e. Ghlaodh an rìgh an sin ris a’ ghille mhòr, “Oh! leig leam-sa mo bheatha, agus gheibh thu fios air an ni ’tha ’dhìth ort.” Thubhairt an gille mòr, “Tha sin cho glic dhuit.” Thubhairt an rìgh ris, “Dean suidhe a-nis. Bha mise agus daoin’ uaisle còmhla rium an so [TD 85] [Beurla] [TD 86] aig dìnneir o cheann sheachd bliadhna, agus ’n uair a bha ’n dìnneir seachad againn bha sinn a-mach ’a sealgaireachd, agus chunnaic sinn maigheach, agus chaidh sinn as a déigh le ’r coin dh’ fheuch am faigheadhmaid a marbhadh, agus lean sinn i gus an d’ ràinig sinn aoineadh mòr anns an robh mòran de dh’ uamhachan, agus char i sinn, agus chaidh i stigh feadh nan toll ’s nan uamhachan, agus dh’ éirich dhuinn an sin gu ’n deachaidh sinn a-stigh do ’n cheud uaimh a thachair oirnn, agus an uair a chaidh sinn a-stigh bha famhair mòr a-stigh agus dà mhac dheug leis ’n an suidhe, agus thubhairt am famhair ruinn, ‘Failte dhuit, a rìgh Eirinn. Dean suidhe air an taobh ud thall de ’n uaimh.’ Shuidh mise an sin agus an dà dhuin’ uasal deug a bha còmhla rium, agus thubhairt am famhair rium, ‘Co dhiubh is fheàrr leat cluich air an ubhal-neamha no air a’ ghreidil theth?’ agus thubhairt mi ris, ‘Feuchaidh sinn an t-ubhal-neamha fhéin.’ Cha robh uair a thilgeadh esan an t-ubhal-neamha ’nall nach marbhadh e aon de na h-uaislean, agus ’n uair a thilginn-sa ’null i cheapadh e i le roinn sgine pinn, agus mharbh e leis an ubhal an dà dhuin’ uasal dheug, agus rug iad orm-sa ’n sin, agus bha iad ’g am chumail mu’n cuairt air teine mòr a bh’ aca de dharach gus an robh mi ach beag loisgte, agus thilg iad a-mach as an uaimh mi, agus thàinig [TD 87] [Beurla] [TD 88] mi dìreach air éigin dhachaidh”; agus thubhairt an rìgh, “’Ille mhaith ’s iomadh fear a thàinig a dh’ fhaotuinn fios an sgeòil so nach d’ fhuair i, ach fhuair thus’ i. ’S e sin a chum mise gun ghean, gun ghàire o cheann sheachd bliadhna.” Thubhairt an gille mòr, “B’ fheàrr leam gu’m b’ e ’n diugh an là ’bha ’n sin, agus gheibhadh tusa dibhearsainn. Nach fhearra dhuinn dol a-mach an diugh tacan a shealgaireachd dh’ fheuch am faic sinn a’ mhaigheach?” “Cha téid,” ars’ an rìgh: “fhuair mise gu leòir dhi, agus cha téid mi ann.” Thubhairt an gille, “Bheir mis’ ort gu’n téid thu ann air neo ’s e do cheann a ’s ball-iomaineach dhomh-sa sìos an staidhir.” Is ghlaodh an rìgh, “Oh! ’ille mhaith, leig leam-sa mo beatha, agus falbhaidh mi leat taobh sam bith a thogras tu.” Dh’ fhalbh an so rìgh Eirinn, rìgh Albainn, agus an gille mòr, agus chaidh iad a-mach a shealgaireachd, agus thachair maigheach orra, agus thubhairt an gille mòr ri rìgh Eirinn, “Saoil thu an e so a’ mhaigheach a thachair ort roimhid?” Thubhairt an rìgh, “Cha ’n urrainn domh-sa a ràdh co dhiubh is i no nach i, ach tha i coltach rithe.” Dh’ fhalbh a’ mhaigheach an sin, agus lean iad as a déigh, agus ghabh i a dh’ ionnsuidh an [TD 89] [Beurla] [TD 90] aoinidh mar a rinn i riomhid, agus chaill iad sealladh dhi am measg nan toll ’s nan uamhachan a bha ’n sin. Ghabh iad a-stigh do ’n uaimh ’s an robh am famhair mòr ’s a dhà mhac dheug, agus an uair a chaidh iad a-stigh thubhairt am famhair mòr, “Oh! a rìgh Eirinn an d’ thàinig thu ’rìs g’ am shealltuinn?” Thubhairt an gille mòr ris an fhamhair, “Dà thrian t-eagail ort fhéin is trian oirnn-ne dheth. Co dhiubh is fheàrr leat-sa an diugh dol a chliuch air an ubhal-neamha no air a’ ghreidil theth?” Thubhairt am famhair, “Feuchaidh sinn an t-ubhal-neamha fhéin.” Rug am famhair air un ubhal-neamha, ’s thilg e null air a’ ghille mhòr i, agus cheap an gille mòr i air roinn sgine pinn; agus ’n uair a thilgeadh an gille mòr a null an ubhal-neamha mharbhadh e fear de mhic an fhamhair ri’ ghualainn, agus dheanamh rìgh Eirinn gàire éibhinn bho ghrunnd a chridhe. Ma bha e iomadh bliadhna gun ghàire a dheanamh fhuair e gàire an là sin. Mharbh an gille mòr dà mhac dheug an fhamhair leis an ubhal-neamha. An sin rug iad air an fhamhair, ’s thug iad dheth a chuid aodaich, agus dh’ fhadaidh iad teine mòr de ghlas-darach, agus ròsd iad ris an tein’ e, agus thilg iad e taobh a-mach na h-uamha, ’s cha b’ urrainn e gluasad no carachadh. An sin thug [TD 91] [Beurla] [TD 92] iad leo na bha de dh’ òr ’s de dh’ airgiod aig an fhamhair mhòr, is thill iad dhachaidh gu tigh rìgh Eirinn. Thug iad an oidhche sin còmhla ri rìgh Eirinn, agus bha e anabarrach uile caoimhneil riutha, agus bha e airson gu’m fanadh an gille mòr aige fhéin tuilleadh. An là’r na mhàireach thog rìgh Albainn ’s an gille mòr orra gu tilleadh do dh’ Albainn, ’s cha do stad iad gus an d’ thàinig iad gu tigh piuthar an rìgh, an té ’bh’ aig an fhamhair pòsda a thug an gille mòr an ceann deth mu’n d’ fhalbh iad do dh’ Eirinn. Bha piuthar an rìgh ann am bròn mòr an déigh a bràthar, is eagal orra nach tilleadh e tuilleadh; agus ’n uair a chunnaic i e chuir i ’dà làimh mu’n cuairt air le toil-inntinn, agus chuir iad an oidhche sin seachad anns an uaimh. Dh’ fhalbh an rìgh, a phiuthar, agus an gille mòr an là’r na mhàireach, agus thàinig iad dhachaidh a dh’ ionnsuidh tigh an rìgh ann an gàirdeachas mòr. Thubhairt an gille mòr an sin ris an rígh, “Tha mise’ nis dol g’ ad fhàgail, agus ma chuala tu riamh iomradh air Muracha Mac Brian ’s e sin m’ ainm-sa, agus bha e mar fhiachaibh orm an uiread ud de sheirbheis a dheanamh riut-sa. Sguir tuilleadh a bhi caoidh t-athar, ’s cha ’n ’eil eagal duit. Tha mi ’fàgail beannachd agad a-nis, agus bithidh mi ’falbh.” [TD 93] [Beurla] [TD 94] IV. BUACHAILLECHD CHRUACHAIN. BHA triùir mhac aig buachaille Chruachain, agus dh’ fhàs e tinn an galar a bhàis, agus chuir e fios air a mhac a bu shine ’thighinn a bhruidhinn ris. Thàinig a mhac an sin a bhruidhinn ris; agus thubhairt ’athair ris, “A mhic, ’s e mu’n do chuir mi fios ort gu bheil a’ choltas orm-sa nach bi mi fada ’s an t-saoghal so, agus tha mi toileach, gu’n gabhadh tusa buachailleachd Chruachain.” Thubhairt a mhac ris, “Cha ghabh mi no taing dhuit-s’ air a shon”; agus thubhairt ’athair, “Abair ri d’ bhràthair meadhonach tighinn an so a bhruidhinn rium-sa.” An sin thàinig am mac meadhonach, agus thubhairt e, “’Athair gu ’d é ’m feum a th’ agad orm-sa?” Thubhairt ’athair ris, “Tha dh’ fheuch an gabh thu buachailleachd Chruachain?” Thubhairt a mhac, “Cha gabh no buidheachas dhuibh air a shon.” Thubhairt ’athair ris, “Abair ri d’ bhràthair òg tighinn an so.” [TD 95] [Beurla] [TD 96] Thàinig am mac òg an sin, ’s thubhairt e ri ’athair, “Gu ’d é ’m feum a th’ agaibh orm an diugh, a dhuine?” agus thubhairt ’athair ris, “Tha ’choltas orm-sa gu bheil am bàs dlùth orm a-nis.” Agus thubhairt a mhac, “Gabhaidh mise buachailleachd Chruachain.” Agus thubhairt ’athair an sin, “’N uair a shiùbhlas mise, ’s a thìodhlaiceas sibh mi théid thu an ceann là no dhà a chuairteachadh Chruachain; agus cuairtichidh tu Cruachan mu ’h-aon agus Cruachan mu ’dhà, agus suidhidh tu air tulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadh grian gu moch agus air an luidheadh i gu h-anamoch; agus an sin thig far am bi thu gruagach òg, casurlach, donn le ball òir ’s le caman airgid, agus their e riut, ‘Feumaidh tu dol a chluich an diugh rium, a mhic òig. Chaill thu Cruachan.’ Their thusa ris an sin, ‘Co ’theireadh nach imireadh?’ agus cluichidh sibh an là sin, agus their esan riut, ‘Tog brìgh do chluiche’; agus their thusa ’n sin, ‘’S e brìgh mo chluiche-sa ’bhean a’s fheàrr a th’ ann ad fhearann-sa.’ An sin bheir e gu ’fhearann thu, is leigidh e fhaicinn duit mnathan cho briagh ’s a chunnaic thu riamh ach cha ghabh thusa gin diubh sin. Chì thu té bheag, loireach, odhar a’ cartadh a’ bhàthaiche, agus their thu [TD 97] [Beurla] [TD 98] ris a’ ghruagach, ‘’S i sin a’ bhean a bhios agam-sa’; agus bheir e dhuit i, agus pòsaidh tu i, agus bheir thu leat dhachaidh i; agus innsidh ise dhuit a h-uile nì is còir dhuit a dheanamh. Mo bheannachd leat a-nis, agus gu ma math a shoirbhicheas Cruachan duit.” Shiubhail ’athair an sin, agus thìodhlaic iad e; agus a’ cheud là ’chaidh esan a chuairteachadh Chruachain chuartich e mu ’h-aon e agus chuairtich e mu ’dhà e, agus shuidh e air tulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadh grian gu moch ’s air an luidheadh i gu h-anamoch; agus thàinig an gruagach òg, casurlach, donn far an robh e le ball òir ’s le caman airgid, agus thubhairt e ris, “An imir thu dol a chluich an diugh rium, a mhic oig? Chaill thu Cruachan.” Thubhairt am buachaill’ òg, “Co ’theireadh nach imireadh?” Chluich iad an là gu teth, togarrach. Bhuidhinn mac òg rìgh Chruachain, agus thubhairt an gruagach, “Tog brìgh do chluiche”; agus thubhairt esan ris, “’S e brìgh mo chluiche a’ bhean a’s fheàrr a th’ ann ad fhearann.” Thug e ’n sin e gu mnathan cho briagh ’s a ghabhadh faicinn; agus chunnaic e té bheag, loireach, odhar a’ cartadh a’ bhàthaiche, agus [TD 99] [Beurla] [TD 100] thubhairt e, “Sin an té ’bhios agam-sa.” Thug e ’n sin dhachaidh i, ’s phòs e i. An là ’r na mhàireach chaidh e ’chuairteachadh Chruachain a rìs, agus chuairtich e mu ’h-aon e, agus chuairtich e mu ’dhà e, agus shuidh e air tulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadh grian gu moch ’s air an luidheadh i gu h-anamoch; agus thàinig an gruagach òg, casurlach, donn far an robh e le ball òir ’s le caman airgid, agus thubhairt e ris, “An imir thu dol a chluich an diugh rium, a mhic òig? Chaill thu Cruachan.” Thubhairt am buachaill’ òg, “Co theiradh nach imireadh?” Chluich iad an là gu teth, togarrach. Bhuidhinn mac rìgh Chruachain, agus thubhairt an gruagach, “Tog brìgh do chluiche,” agus thubhairt esan ris, “’Se brìgh mo chluiche an loth a ’s fheàrr ann ad fhearann.” An sin thug an gruagach e ’dh’ ionnsuidh lothan cho briagh ’s a b’ urrainn da ’fhaicinn; agus chunnaic e loth loireach, odhar, agus thubhairt e, “Sin an té ’bhios agam-sa.” Thug e leis an loth, ’s thill e dhachaidh. Thubhairt a bhean ris, “Cia-mar a chaidh dhuit an diugh?” “Chaidh gu math,” ars’ esan; “bhuidhinn mi ’n là.” [TD 101] [Beurla] [TD 102] An là ’r na mhàireach thog e air a chuairteachadh Chruachain, agus chuairtich e Cruachan mu ’h-aon, agus chuairtich e mu ’dhà e, agus shuidh e air tulachan taitneach, taobh uaine air an éireadh grian gu moch ’s air an luidheadh i gu h-anamoch, agus thàinig an gruagach òg, casurlach, donn far an robh e, agus thubhairt e ris, “An imir thu dol a chluich rium an diugh? Chaill thu Cruachan.” Thubhairt am buachaille ris, “Co ’theiradh nach imireadh?” Chluich iad an là sin gu teth, togarrach; agus chaill buachaille Chruachain an là, agus thubhairt e ris a’ ghruagach, “Tog brìgh do chluiche.” Thubhairt an gruagach ris, “’S e brìgh mo chluiche gu’m faigh thu dhomh-sa ’n claidheamh geal soluis a th’ aig rìgh na Sorcha.” Chaidh am buachaille dhachaidh feasgar an là sin; agus an uair a ràinig e ’n tigh cha robh a bhean no ’n loth loireach, odhar r’ am faotainn aige. Thàinig am famhair mòr, rìgh na Sorcha, agus ghoid e leis a bhean ’s an loth. Chuir e seachad an oidhche so ’n a thigh fhéin, chaidh e ’luidhe. ’N uair a thàinig a’ mhaduinn thàinig e ’s rinn e ’bhraiceas, agus thog e air as déigh na mnà agus na lotha dh’ fheuch am faigheadh e iad. Dheasaich e bonnach a bhiodh [TD 103] [Beurla] [TD 104] aige ’n a chuideachd, agus tharruing e air falbh. Bha e ’falbh an sin fada cian, agus trian, agus tamull gus an robh dubhadh air a bhonnaibh agus tolladh air a ghruaidhean, gach ian ceanna-bhuidhe a’ gabhail tàimh am bun nam preas ’s am bàrr nan dos, neula dorcha na h-oidhche ’tighinn air, agus neula an là ’dol dheth; agus chunnaic e tigh fada bhuaithe, ’s ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ’g a ruighinn e. Chaidh e ’stigh, is shuidh e ann an ceann uachdair an tighe, ’s cha robh duine ’stigh; agus bha tein’ air ùr-fhadadh, ’s tigh air ùr-sgubadh, ’s leab’ air ùr-charadh; agus co ’thàinig a-stigh ach seobhag Ghlinne-cuaiche? ’s thubhairt i ris, “Am bheil thu ’n so, a mhic òig Chruachain?” “Tha,” ars’ esan. Thubhairt ise ris, “Am bheil ’fhios agad co ’bha ’n so an raoir?” “Cha ’n eil,” ars esan. “Bha,” ars’ ise, “am famhair mòr, rìgh na Sorcha, do bhean, agus an loth loireach, odhar, agus bha e ’maoidheadh ort gu fuathasach na’m faigheadh e greim ort gu ’n d’ thugadh e dhiot an ceann.” “Mata tha mise ’g ad chreidsinn gu math,” ars’ esan. Thug i dha biadh is deoch an sin, ’s chuir i ’luidhe e. Dh’ éirich i ’s a’ mhaduinn, ’s rinn i [TD 105] [Beurla] [TD 106] dha ’bhraiceas, agus dheasaich i bonnach dha a bhiodh aig’ air an rathad, agus dh’ fhalbh e. Feasgar chunnaic e tigh fada bhuaithe, ’s ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ’g a ruighinn e. Chaidh e ’stigh, ’s shuidh e ’n ceann uachdrach an tighe: ’s bha tein’ air ùr-fhadadh, ’s tigh air ùr-sguabadh, ’s leab’ air ùr-chàradh. Thàinig a-stigh lach a’ chinn uaine, ’s thubhairt i ris, “Am bheil thu ’n so a’ bhuachaille Chruachain?” “Tha mi,” ars’ esan. “Am bheil ’fhios agad,” ars’ ise, “co ’bha ’n so an raoir?” “Cha ’n ’eil,” ars’ esan. “Bha ’n so,” ars’ ise, “am famhair mòr, rìgh na Sorcha, agus do bhean, agus an loth loireach, odhar, agus e ’maoidheadh ort na’m biodh tu aige gu ’n cuireadh e ’n ceann diot.” “’S mi ’tha ’g ad chreidsinn,” ars’ esan. Rinn i biadh ’s deoch dha, ’s chuir i ’luidhe e. ’S a’ mhaduinn an là ’r na mhàireach dh’ éirich i, ’s rinn i ’bhraiceas, agus dheasaich i bonnach a chuir i leis airson an astair. Dh’ fhalbh e ’n sin, is tharruing e. Bha e ’coiseachd air aghaidh fad an là, agus ’s an fheasgar chunnaic e tigh beag fada bhuaithe, ’s ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ’g a riughinn e. Chaidh e ’stigh, ’s shuidh e ’n ceann uachdrach an tighe, agus bha tein’ air ùr-fhadadh, ’s tigh [TD 107] [Beurla] [TD 108] air ùr-sguabadh, ’s leab’ air ùr-chàradh. An sin thàinig a-stigh mada-ruadh na coille crìonaich, agus thubhairt e ris, “Am bheil thu ’n so a’ bhuachaille Chruachain?” “Tha mi,” ars’ esan. “Am bheil ’fhios agad-sa,” thubhairt am mada-ruadh, “co ’bha ’n so an raoir?” “Cha ’n ’eil,” ars’ esan. “Bha ’n so,” ars’ am mada, “am famhair mòr, rìgh na Sorcha, agus do bhean, agus an loth loireach, odhar, agus bha e ’maoidheadh ort gu fuathasach na’m biodh tu ’n so gu ’n cuireadh e ’n ceann dhiot.” “’S mise ’chreideas,” arsa buachaille Chruachain. Thug e biadh dha ’n sin, biadh is deoch, ’s chuir e ’luidhe e. ’S a’ mhaduinn dh’ éirich am mada-ruadh, ’s dheasaich e bonnach a chuir e leis airson an astair. Dh’ fhalbh e ’n sin, is tharruing e. Feasgar chunnaic e tigh fada bhuaithe, ’s ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ’g a ruigheachd e. Chaidh e ’stigh, ’s shuidh e ’n ceann uachdrach an tighe. Bha tein’ air ùr-fhadadh, tigh air ùr-sguabadh, ’s leab air ùr-chàradh, agus thàinig a-stigh dòran donn an ùillt, ’s thubhairt e ris, “Am bheil thu ’n so a’ bhuachaille Chruachain?” “Tha,” ars’ esan. [TD 109] [Beurla] [TD 110] “Am bheil ’fhios agad-sa,” arsa dòran donn an ùillt, “co ’bha ’n so an raoir?” “Cha ’n eil,” ars’ am buachaille. “Bha ’n so,” ars’ an dòran donn, “am famhair mòr, rìgh na Sorcha, agus do bhean, agus an loth loireach, odhar, agus bha e ’maoidheadh na’m biodh tus’ aige ’n so gu ’n d’ thugadh e ’n ceann dhiot.” “’S mi chreideas sin,” arsa buachaille Chruachain. Thug e dha biadh is deoch an sin, ’s chuir e ’luidhe e; agus a cheud dùsgadh a rinn e ’s a’ mhaduinn chunnaic e seobhag Ghlinne Cuaiche, lach a’ chinn uaine, mada-ruadh na coille crìonaich, agus dòran donn an ùillt, agus bal danns’ aca air an ùrlar. An sinn rinn iad a’ bhraiceas a chur an òrdugh, ’s ghabh iad am braiceas uile còmhla, agus thubhairt iad ris, “Ma thig éigin sam bith ort cuimhnich oirnn-ne, agus cuidichidh sinn thu.” Dh’ fhàg e beannachd ac’ an sin, is dh’ fhalbh e. Feasgar an là sin ràinig e’ n uamh ’s an robh am famhair mòr, rìgh na Sorcha, ’fuireach; agus co ’bha ’stigh roimhe ach a bhean fhéin? Bha ’m famhair mòr air falbh a’ sealgaireachd. Thug ise dha biadh an sin, agus chuir i ’m falach e ’n ceann-uachdair na h-uamha, agus aodaichean thairis air ’g a chumail am falach. [TD 111] [Beurla] [TD 112] Thàinig am famhair mòr dhachaidh, ’s thubhairt e, “I! O! hoghagaich! tha boladh an fharbhalaich a-stigh.” “Cha ’n ’eil, a ghaoil ’s a ghràidh; cha ’n ’eil ann ach ian beag adhair a ròsd mi, agus ’s e sin fàile ’tha thusa ’faireachduinn.” “U! ma ’s e sin a th’ ann,” ars’ esan, “tha mi coma.” An sin thubhairt i ris, “B’ fheàrr leam gu’n innseadh tu dhomh c’ àit am bheil do bheatha ’g a gleidheil ’s gu’n gabhainn cùram math dhi.” “Tha i ann an cloich ghlais,” ars’ esan, “a tha thall an sin.” ’N uair a dh’ fhalbh esan am màireach thug i ’stigh a’ chlach ghlas agus dhress i gu math i, ’s chuir i ann an ceann uachdrach na h-uamha i. ’N uair a thàinig am famhair dhachaidh ’s an fheasgar thubhairt e rithe, “Gu ’d é ’th’ agad air a dhressadh an sin?” Thubhairt ise ris, “Do bheatha fhéin, agus feumaidh sinn a bhi curamach uimpe.” “Tha mi ’faicinn gu bheil thu ro thoigheach orm; ach cha ’n ann an sin a tha i fhathast,” ars’ esan. “C’ àit am bheil i?” ars’ ise. “Tha i ann an caora ghlais a th’ air a’ bhruthach sin thall,” ars’ esan. [TD 113] [Beurla] [TD 114] ’N uair a dh’ fhalbh esan an là ’r na mhàireach fhuair i greim air a’ chaora ghlais, ’s thug i ’stigh i, ’s dhress i gu math i, ’s chuir i ann an ceann uachdrach na h-uamha i. ’N uair a thàinig esan dhachaidh ’s an fheasgar thubhairt e rithe, “Gu ’d é a th’ agad air a dhressadh an sin?” Thubhairt ise, “Tha, ’ghaoil, do bheatha fhéin”; agus thubhairt esan, “Cha ’n ann an sin a tha i fhathast.” “Mata,” ars’ ise, “tha thu ’g am chur-sa gu dragh mòr a ghabhail curaim dhi, agus cha d’ innis thu ’n fhìrinn an dà uair so.” Thubhairt esan an sin, “Tha mi ’smuaineachadh gu’m faod mi innseadh dhuit a-nis. Tha mo bheatha-sa fo chasan an eich mhòir anns an stàbull; agus tha àite gu h-ìosal ann an sin ’s am bheil lochan uisge, agus air muin sin tha seachd seicheanan glasa, agus air muin nan seicheanan seachd fòidean réisg, agus fòpa sin uile tha seachd plancaiche daraich. Tha breac air an loch sin, agus tha lach am broinn a’ bhric agus tha ubh am broinn na lacha, agus tha bior de dhroighionn dubh am broinn an uibhe, agus gus an téid am bior sin a chagnadh gu mìn cha n urrainn iad mise ’mharbhadh. Aon uair ’s gu’m bean iad do na seachd seicheanan glasa, na seachd fòidean réisg, ’s na seachd planc- [TD 115] [Beurla] [TD 116] aichean daraich mothaichidh mise e ge b’ e àit am bi mi. Tha tuagh agam-sa bràigh an doruis, agus mur téid na bheil an sin a ghearradh troimhe le aon bhuille cha ruigear an loch, agus ’n uair a ruigear mothaichidh mise e.” Dh’ fhalbh esan an sin do ’n beinn shìthne is sheilg an là ’r na mhàireach, agus thubhairt a bhean ri buachaille Chruachain, “Nach fhearra dhuinn a-nis oidheirp a thoirt leis an tuaigh air sin a ghearradh.” “’S feàrr,” ars’ esan. An sin chaidh iad a-mach do ’n stàbull, agus rug buachaille Chruachain air an tuagh a dhol a bhualadh an àite, agus thubhairt an t-each breac, mòr, “Cum thusa ’n tuagh, ’s buailidh mis’ i.” Chum buachaille Chruachain an tuagh air muin nan seachd seicheanan glasa, nan seachd fòidean, agus nan seachd plancaichean daraich. Dh’ éirich an t-each breac, mòr air a chasa toisich, agus chuir e i trompa gus an d’ ràinig i ’n loch. Thug am breac leum a-mach as an loch ann an amhainn a bha dol seachad; agus cha b’ urrainn iad breith air. “Ah! na’m biodh agam-sa dòran donn an ùillt cha biodh e fada ’breith air a’ bhreac.” Thàinig dòran donn an ùillt, ’s thubhairt e, “’D é ’tha dhìth ort, a mhic òig? Chaill thu Cruachan.” [TD 117] [Beurla] [TD 118] “Tha dhìth orm am breac a leum a-mach s an amhainn gu ’m faigh thu dhomh e.” A-mach air an amhainn ghabh an dòran donn, agus fhuair e ’m breac, agus thug e do bhuachaille Chruachain e. Dh’ fhosgail buachaille Chruachain am breac, agus leum lach a broinn a’ bhric, ’s thug i na speuran orra air a sgiathan, ’s cha b’ urrainn da’ faotainn; agus thubhairt e, “Na ’m biodh agam-sa seobhag Glinne Cuaiche cha bhiodh i fada ’breith air an lach.” Thàinig an t-seobhag, ’s thubhairt i ris, “’D é ’tha thu ’g iarraidh, a bhuachaille Chruachain?” “Tha mi ’g iarraidh gu’m beir thu air an lach ’tha ’falbh air a sgiathan an sin,” ars’ am buachaille. Dh’ fhalbh an t-seobhag an sin, ’s chaidh i as déigh na lacha, ’s rug i orra. Dh’ fhosgail esan broinn na lacha an sin, ’s leum ubh as a suas do na speuran. Thubhairt an sin buachaille Chruachain, “Na ’m biodh agam-sa lach a’ chinn uaine cha bhiodh i fada ’faotainn an uibhe dhomh.” Thàinig i, ’s thubhairt i ris, “’D é ’tha dhìth ort, a bhuachaille Chruachain?” Thubhairt esan, “Falbh is faigh an t-ubh a leum suas ’s na speuran cho luath ’s is urrainn duit: tha ’m famhair mòr a’ tighinn an so.” Dh’ fhalbh lach a’ chinn uaine, ’s fhuair i ’n [TD 119] [Beurla] [TD 120] t-ubh, ’s dh’ fhalbh esan, agus bhris e ’n t-ubh, agus leum am bior droighinn a-mach, agus chaidh e ann an tom droighinn a bha làmh ris; agus cha ’n aithneadh esan am bior seach bior eile de ’n droighinn ’n uair a thòisich e air iarraidh. Bha ’m famhair a’ tighinn, ’s a’ casadh air; agus thubhairt am buachaille, “Ah! na ’m biodh agam-sa mada-ruadh na coill’ uaine cha biodh e fada ’faotainn a’ bhior dhomh.” Thàinig am mada-ruadh, ’s thubhairt e ris, “’D é ’tha dhìth ort, a bhuachaille Chruachain?” Thubhairt esan ris, “Falbh is faigh dhomh cho luath ’s a rinn thu riamh am bior droighinn a leum as an ubh; tha e ’s an tom droighinn sin.” Dh’ fhalbh am mada-ruadh, ’s fhuair e ’m bior, agus thug e do bhuachaille Chruachain e, agus chagainn buachaille Chruachain am bior, agus bha ’m famhair cho teann air ri fichead slat, agus thuit e fuar, marbh ann an sin. Chuir am buachaille ’s a bhean an oidhche sin seachad ’s an uaimh mar bh’ aca: agus thug iad leò na bha de dh’ òr ’s de dh’ airgiod aig an fhamhair, agus an claidheamh geal soluis a bh’ aige; agus thug iad leò an t-each breac, mòr, agus an loth loireach, odhar; agus mharcaich ise dhachaidh air an loth, agus mharcaich esan air an each do Chruachan. [TD 121] [Beurla] [TD 122] An là ’r na mhàireach bha iad a’ dol a chuairteachadh Chruachain, ’s thug e leis an claidheamh geal soluis, agus thubhairt a bhean ris ’n uair a bha e ’falbh, “Thig an gruagach òg ’ad choinneamh, agus sìnidh tu dha an claidheamh, agus their esan an sin riut-sa, ‘C’ àit a-nis am bheil leithid mo chlaidheimh an roinnean ruadh an domhain’; agus their thusa, ‘Cha ’n ’eil mur bhi aon mheang bheag a th’ ann’; agus their esan riut, ‘Leig fhaicinn am meang.’ A chionn gu ’n cuir esan an ceann diot beiridh tu air a’ chlaidheamh a dhol a leigeil fhaicinn a’ mheang’ a’ th’ ann, agus tàirnidh tu ’n claidheamh, ’s bheir tu ’n ceann deth, agus their thu, ‘Sin agad am meang a th’ ann.’” Dh’ fhalbh e ’n là so, ’s chuairtich e Cruachan mu’ h-aon, is Cruachan mu ’dhà, ’s shuidh e air tulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadh grian gu moch ’s air an luidheadh i gu h-anamoch; agus chunnaic e ’n gruagach casurlach, donn a’ tighinn. “An d’ thàinig thu, a bhuachaille Chruachain?” thubhairt an gruagach. “Thàinig mi an t-aon uair so fhathast,” ars’ am buachaille. “An d’ fhuair thu ’n claidheamh geal soluis dhomh?” ars’ an gruagach. “Fhuair,” ars’ esan, ’s shìn e dha e. [TD 123] [Beurla] [TD 124] Thubhairt an gruagach, “C’ àit a-nis am bheil leithid mo chlaidheimh an ceithir roinnean ruadh an domhain?” “Cha ’n ’eil,” ars’ an buachaille, “mur bhi aon mheang bheag a th’ ann.” “Leig fhaicinn domh am meang,” ars’ an gruagach. “Thoir dhomh-s’ am làimh an claidheamh,” ars’ am buachaille, “’s leigidh mi fhaicinn duit e.” Tharruing am buachaille ’n sin an claidheamh, ’s thilg e ’n ceann deth, ’s thubhairt e ris, “Sin agad am meang a th’ ann.” Dh’ fhàg e marbh an sin e, ’s thill e dhachaidh; agus bha buachailleachd Chruachain aige fhad ’s a bha e beò. [TD 125] [Beurla] [TD 126] V. RÌOGHACHD NAM BEANN GORMA. BHA triùir shaighdearan ann, agus rinn iad suas am measg a chéile gu’n teicheadh iad, agus thubhairt iad ri ’chéile, “Cha ’n fhalbh sinn còmhla ’n ar triùir idir; gabhaidh a h-uile fear againn rathad dha fhéin.” An sin thubhairt an triùir, “Dhaoite gu’n coinnich sinn a chéile uair-eigin.” Bha fear ’n a shergeant dhiubh, fear ’n a corporal, agus fear ’n a shaighdear singilte. Thug iad an cùl ri ’chéile an sin, is ghabh gach fear a rathad fhéin; agus mar sin dhealaich na càirdean. An ceann dà là aig feasgar thàinig an sergeant a dh’ ionnsuidh pailis mhòr, bhriagh, agus e sgìth, acrach, a’ coiseachd; agus dh’ fheòraich e aig an dorus a-mach am faigheadh e fuireach. Thàinig bean uasal, òg, a-mach, agus bhruidhinn i ris, agus thubhairt i ris gu’m faigheadh, “a chionn,” ars’ ise, “gu bheil iad ag ràdh rium gu’m bi mòran naigheachdan aig saighdearan ’s aig seòladairean.” Thug i ’stigh e, agus thubhairt i ris, “Bithidh do dìnneir a nìos an ceann beagan ùine. Tha fhios gu bheil thu glé fheumach air biadh ’s air deoch.” [TD 127] [Beurla] [TD 128] Thàinig an oidhche, agus thàinig a dhìnneir a nìos air a’ bhòrd dha; a h-uile seòrsa béidh a’ smuainicheadh e; agus thubhairt i ris, “A-nis cha ghabh thu gu don’ e: cha bhi solus againn a’ gabhail ar béidh an so idir; agus gabhaidh tu beachd air a’ mhèis a ’s taitniche leat fhéin. “Hu!” ars’ esan, “ma ’s e sin fasan an àite ni mise sin.” Dh’ fhalbh ise ’n sin, ’s chuir i as a’ choinneal, agus thòisich esan air a’ mhèis a chunnaic e-fhéin iomchuidh. Dh’ fhalbh ise ’n sin, agus bhuail i cas air an ùrlar, agus ghlaodh i nuas air dà mhaor, agus thubhairt i, “Beiribh air an t-slaightear so, agus cuiribh am prìosan e.” Thug iad leò e, ’s chuir iad a-stigh ’s a’ phrìosan e. Bha e ’n sin air a bheathachadh le aran ’s le uisge. Feasgar an ath-oidhche thàinig an corporal a dh’ ionnsuidh a’ cheart tighe, agus dh’ fheòraich e am faigheadh e fuireach an oidhche sin; agus thàinig a’ bhean-uasal a-mach, agus thubhairt i ris gu’m faigheadh. “Tha mi tuigsinn,” ars’ ise, “gur h-e saighdear a th’ annad; agus is minic a bha naigheachd aig saighdear is seòladair.” Thug i ’stigh e, ’s thubhairt i ris suidhe air cathair, agus thubhairt i ris, “Tha fhios agam gu bheil thu feumach [TD 129] [Beurla] [TD 130] air biadh ’s air deoch; bithidh do dhìnneir a nuas ’ad ionnsuidh an ùine ghoirrid.” Thàinig an oidhche, ’s bha e ’gabhail fadail nach robh an dìnneir a’ tighinn, agus an t-acras air. Mu dheireadh thàinig an dìnneir, agus chuireadh air a’ bhòrd i. Thàinig ise nuas an sin, agus solus aice, agus thubhairt i ris, “’S e fasan an àite so nach bi solus idir aca ’gabhail am béidh; agus gabhaidh tu beachd air a’ mhèis a’s taitniche leat fhéin air a’ bhòrd.” Thòisich esan air a’ mhèis an so, agus chuir ise as a’ choinneal, agus bhreab i ’cas air an ùrlar, agus ghlaodh i dà mhaor a-nìos, agus dh’ iarr i orra an slaoighdear ud a chur am prìosan. Thug iad leò ’n sin e, ’s chuir iad a-stigh am prìosan e; agus ’s e bu bhiadh dha aran is uisge. Feasgar an ath-oidhche thàinig an saighdear singilte ’dh’ ionnsuidh an tighe, agus e gu math fàillinneach a chion béidh, agus dh’ fheòraich e am faigheadh e fuireach an oidhche sin. Thàinig a’ bhean-uasal a-mach, ’s thubhairt i ris gu’m faigheadh. “Tha mi tuigsinn,” ars’ ise, “gur h-e saighdear a th’ annad; agus is minic a bha naigheachd aig saighdear is seòladair.” An sin thug i stigh e, ’s thug i air suidhe air cathair, agus thubhairt i ris, “Thig do dhìnneir ’ad ionnsuidh an ùine ghoirrid.” [TD 131] [Beurla] [TD 132] Thàinig an oidhch’ air, ’s bha e ’gabhail fadail nach robh a dhìnneir a’ tighinn. Mu dheireadh thàinig a dhìnneir, ’s thàinig a’ bhean-uasal a-nìos far an robh e, agus thubhairt i, “’S e fasan an àite so nach bi solus idir aca ’gabhail am béidh; ’s gabhaidh tu beachd air a’ mhèis a’s taitniche leat fhéin, is tòisichidh tu orra.” Dh’ fhalbh ise ’n so, agus chuir i as an solus. Dh’ éirich esan an so, ’s chuir e ’dhà làimh mu’n cuairt orra, agus phòg e i, agus thubhairt e, “Tha ’m biadh math, ach ’s tu-fhéin a’s tocha leam na e.” Dh’ fhalbh ise ’n so, ’s bhuail i ’cas air an ùrlar, agus ghlaodh i solas a-nuas. Thàinig an gille-freasdail a-nuas le solus, agus shuidh i-fhéin ’s an saighdear, agus ghabh iad an dìnneir cuideachd. Bha iad an sin a’ cur seachad na h-oidhche a’ seanachas, ’s ag innseadh naigheachdan d’ a chéile; ’s thubhairt i ris an robh sgoil aige. Thubhairt esan gu’n robh. An sin dh’ iarr i air a làmh-sgrìobhaidh a leigeil fhaicinn di. Rinn e sin. Mu dheireadh thàinig i mu’n cuairt ann an selòtachd ghasd’ air gus an dubhairt i rìs, “Am pòs thu mi?” Thubhairt esan, “’S mi ’phòsas.” “Mata,” thubhairt ise, “’s mise nighean rìgh [TD 133] [Beurla] [TD 134] nam beann gorma, agus cha robh mi ’g iarraidh rìgh no ridire ’phòsadh, ach gille glan, cumanda. Tha oighreachd mhòr agam, agus na’s leòir de dh’ òr ’s de dh’ airgiod.” An sin rinn iad suas là airson pòsaidh. ’N uair a thàinig àm dol a luidhe thug i ’stigh do sheòmar e; dh’ fhàg i oidhche mhath aige; ’s chaidh e ’luidhe. Thàinig i ’n sin a-stigh ’s a’ mhaduinn ’n uair a bha ’n t-àm aige éiridh, ’s dh’ iarr i air éiridh ’s e-fhéin a chur an uidheam airson a’ bhraiceas. ’N uair a bha ’bhraiceas air a’ bhòrd shuidh iad, ’s ghabh iad i còmhla. ’N uair a bha ’bhraiceas thairis chuir i ’làmh ’n a pòca, ’s thug i ’mach sporan òir a bh’ aice, agus thug i dha airgiod airson deise fhaotainn dha fhéin, agus chuir i e ’dh’ ionnsuidh an tàilleir a bha i-fhéin eòlach air a dheanamh na deise. Dh’ fhalbh e ’n sin a dh’ ionnsuidh an tàilleir, agus dh’ iarr e air an tàillear an deise ’dheanamh, agus a dheanamh gu math, “oir,” ars’ esan, “tha mi ri fuireach gus am bi i leam.” Thòisich an tàillear, agus rinn e ’n deise, agus fhreagair i gu math dha. An sin dh’ fhalbh e a thilleadh dhachaidh, agus thubhairt màthair an tàilleir, “Cuir greis an rathad e: buailidh pathadh e; agus so ubhal a bheir thu dha; agus tuitidh e ’n a chadal.” Bha ’bhean-uasal ri dol ’n a choinneamh le [TD 135] [Beurla] [TD 136] coitse an là ’bha fiughair aice ris. Dh’ fhalbh e-fhéin ’s an tàillear, agus shuidh iad a leigeil an analach, agus thubhairt an saighdear, “Tha pathadh orm fhéin”; agus thubhairt an tàillear, “Tha mi ’smaoineachadh gu bheil ubhal agam am phòca; ’s bheir mi dhuit i.” ’N uair a dh’ ith an saighdear an ubhal thuit e ’n a chadal. Ràinig a’ bhean-uasal an so iad leis a’ choitse, agus bhruidhinn i ris an tàillear, “Am bheil am fear ud ’n a chadal? Ma tha dùisg e.” Thòisich an tàillear air a dhùsgadh ’s air a thulgadh a null ’s a nall, ’s cha ghabhadh e dùsgadh. Chuir a’ bhean-uasal a làmh ’n a pòca, ’s thug i mach fàinn’ òir, agus thug i do ’n tàillear e, ’s dh’ iarr i air sud a thoirt do ’n fhear a bha ’n a chadal, agus gu’n coinnicheadh i ’m màireach e. “Tillidh e leat fhéin a nochd.” Dh’ fhalbh ise ’n so, ’s thill i dhachaidh, agus iadsan a dh’ ionnsuidh tigh an tàilleir. Chuir e seachad an oidhche sin còmhla ris an tàillear. An déigh am braiceas an là ’r na mhàireach bha esan airson falbh, ’s chuir an tàillear a làmh ’n a phòca, ’s thug e ’mach am fàinn’ òir, agus thubhairt e, “Sin fàinne ’dh’ fhàg à’ bhean-uasal agam-sa gu ’thoirt duit.” ’N uair a bha iad a’ falbh thubhairt màthair an tàilleir, “Tha mi cinnteach nach ’eil math [TD 137] [Beurla] [TD 138] dhuit ubhal a thoirt da an diugh; ach tha peur an so, ’s bheir thu dha i ’n uair a bhuaileas am pathadh e. Cha ’n ’eil fhios nach tuit nighean rìgh nam beann gorma ort fhéin.” Dh’ fhalbh e-fhéin ’s an tàillear air an astar. Shuidh iad a leigeil an analach, agus thubhairt an saighdear, “Tha pathadh orm fhéin an diugh a rìs.” “Mata,” thubhairt an tàillear, “tha agam-sa peur an so, agus bithidh i math a chasgadh pathaidh.” “Mata,” ars’ an saighdear, “fhuair mi ubhal uait an dé, agus ’s ann a chuir i ’m chadal mi, ’s tha eagal orm a’ pheur a ghabhail.” “Toch! a bhurraidh,” ars’ an tàillear, “cha ruig thu leas sin a smuaineachadh.” Thug an tàillear dha a’ pheur an sin, agus dh’ ith e i, is thuit e ’n a chadal. Thàinig a’ bhean-uasal an sin air a h-aghaidh leis a’ choitse, agus thubhairt i ris an tàillear, “Cha ’n fhaod e ’bhì gu bheil am fear sin ’n a chadal an diugh”; agus thubhairt an tàillear, “Thà e ’n a chadal”; agus thubhairt i ris, “Feuch an dùisg thu e.” Thòisich an tàillear air a dhùsgadh, agus dùsgadh cha ghabhadh e deanamh. Chuir i làmh ’n a pòca, ’s thug i mach sgian-pheann, agus thug i do ’n tàillear i, agus thubhairt i, “Bheir thu so dha, agus their thu ris, gu’n coinnich [TD 139] [Beurla] [TD 140] mise ’n so am màireach e, agus tillidh e dhachaidh còmhla ruit fhéin a nochd.” Bha ise ’n déigh falbh, agus dhùisg an saighdear, agus dh’ fheòraich e ’n d’ thàinig a’ bhean-uasal air a h-aghaidh. “Thàinig,” ars’ an tàillear, “is dh’ fhairslich oirnn thusa ’dhùsgadh. So sgian-pheann a dh’ fhàg i agam-sa a thoirt duit, agus thubhairt i gu’n coinnicheadh i ann an so am màireach thu.” Thill e-fhéin ’s an tàillear an sin dhachaidh, agus thug iad an oidhche sin còmhla. An déigh na braiceas an là ’r na mhàireach, ’n uair a bha iad a’ falbh, thubhairt a’ chailleach, “Cha ’n ’eil math dhuit ubhal no peur a thoirt dha an diugh; ach ’n uair a ruigeas sibh an t-àite far am b’ àbhaist duibh ur n-anail a leigeil cuiridh tu ’m prìne so an cùlaobh a chòta: ’s ma bha ’n cadal air roimhid bithidh a sheachd uiread an dràst air.” Dh’ fhalbh iad an sin, is chaidh iad air an aghaidh gus an d’ ràinig iad an t-àite far am b’ àbhaist doibh an anail a leigeil; agus chuir an tàillear am prìne ’n cùl a’ chòt’ aige, ’s thuit e ’n a chadal. Thàinig a’ bhean-uasal an sin, agus dithis dhaoine aice airson a thogail a-stigh do ’n choitse, ’s thubhairt i ris an tàillear, “Am bheil e ’n a chadal an diugh?” “Tha,” ars’ an tàillear. [TD 141] [Beurla] [TD 142] “Dùisg e,” ars’ ise, “ma ghabhas e dùsgadh.” Thòisich an tàillear ’air an sin, ’s cha ghabhadh e dùsgadh. Chuir i ’n sin a-mach an dithis dhaoine a bh’ aice ’s a’ choitse; agus cha b’ urrainn an triùir aca a thogail. Dh’ fhalbh i ’n sin, agus thug i prìne òir do ’n tàillear, agus thubhairt i, “Thoir so dha: cha tig mise ’n a choinneamh tuilleadh, agus cha ’n fhaic mi gu bràth e.” ’N uair a dh’ fhalbh ise thug an tàillear am prìne a còta an t-saighdeir, agus dhùisg e e. Dh’ fheòraich an saighdear an d’ thàinig a’ bhean-uasal, agus thubhairt an tàillear gu’n d’ thàinig, ’s gu’n d’ fhalbh i, agus thubhairt e, “Sin prìne ’dh’ fhàg i agad mar chuimhneachan; agus tha e coltach nach fhaic thu tuilleadh i. Tillidh tu dhachaidh leam a nochd fhathast.” “Gu dearbh cha till,” ars’ an saighdear: “b’ fheàrr leam nach do thill mi dhachaidh leat cho bidheanta. Bithidh mise ’falbh a dheanamh mo rathaid fhéin; agus slàn leat.” Dhealaich iad ri ’chéile an sin. Bha e ’falbh, ’s a’ feòraich ’d e ’n rathad a gheibheadh e gu rìoghachd nam beann gorma. Theireadh iad ris nach cual’ iadsan iomradh air an rìoghachd ud riamh. Bha e ’gabhail air ’aghaidh o àite gu àite, ’s cha robh e ’faotainn forfhais idir air an rìogheachd. ’S ann a bha [TD 143] [Beurla] [TD 144] iad a’ fochaid air airson a bhi ’bruidhinn idir air a leithid de dh’ àite. Thàinig e ’n sin a dh’ ionnsuidh thighean là de na làithean; agus chunnaic e seann duine a’ cur sgrothan air tigh; agus thubhairt e ris an t-seann duine, “Ah! nach sean thu! agus thu sgrothadh an tighe.” Agus thubhairt an seann duine, “Tha mi sean; ach ’s sine m’ athair na mi.” “Ah!” ars’ an saighdear, “am bheil t-athair-sa beò?” “Tha,” ars’ an seann duine. “C’ àit am bheil thu ’dol?” “Tha mi,” ars’ an saighdear, “a’ dol do rìoghachd nam beann gorma.” “Mata,” ars’ an seann duine, “tha mise sean, agus cha chuala mi riamh iomradh air an rìoghachd sin. Dhaoite gu’m bi fios aig m’ athair air.” “C’ àit am bheil t-athair?” ars’ an saighdear. “Tha e ’tarruing nan sgroth g’ am ionnsuidh-sa,” ars’ an seann duine, “agus bithidh e ’n so an ceann tacainn; agus bruidhnidh tu ris mu dhéidhinn na rìoghachd sin.” Thàinig am fear a bha ’tarruing nan sgroth; agus thubhairt an saighdear ris, “Ah! a dhuine, nach sean thu!” “Moire! ’s sean; ach ’s sine m’ athair na mi,” ars’ an seann duine. [TD 145] [Beurla] [TD 146] “Am bheil t-athair-sa beò fhathast?” ars’ an saighdear. “Tha,” ars’ an seann duine. “C’ àit am bheil e?” ars’ an saighdear. “Tha e ’gearradh nan sgroth,” ars’ an seann duine. Dh’ fhalbh iad an sin, agus ràinig iad am fear a bha ’gearradh nan sgroth; agus thubhairt an saighdear, “Ah! a dhuine, nach sean thu! agus thu ’gearradh nan sgroth.” Thubhairt an seann duine, “Tha mi sean; ach ’s sine m’ athair na mi.” “Ah!” ars’ an saighdear, “saoil am bheil t-athair-sa beò fhathast?” “Tha,” ars’ esan. “C’ àit am bheil e?” ars’ an saighdear. “Tha a’ sealgaireachd nan ian anns a’ mhonadh,” ars’ an seann duine. Thubhairt an saighdear ris, “An cuala tusa riamh iomradh air rìoghachd nam beann gorma?” “Cha chuala mise riamh iomradh orra,” ars’ esan; “theagamh gu’n cuala m’ athair; agus ’n uair a thig e dhachaidh a nochd feòraichidh tu dheth.” Dh’ fhan e gu feasgar còmhla ris na seann daoine gus an d’ thàinig an t-ianadair dhachaidh. ’S an fheasgar thàinig an t-ianadair [TD 147] [Beurla] [TD 148] dhachaidh; agus thubhairt an saighdear ris, “Ah! a dhuine, nach sean thu!” “’S sean,” ars’ esan; “ach ’s sine m’ athair na mi.” “Ah!” ars’ an saighdear: “saoil am bheil t-athair-sa beò fhathast?” “Moire! tha,” ars’ an t-ianadair. “C’ àit am bheil t-athair?” ars’ an saighdear. “Tha e ’stigh,” ars’ an t-ianadair. Thubhairt an saighdear ris, “An cuala tu riamh iomradh air rìoghachd nam beann gorma?” “Cha chuala,” ars’ esan, “mar an cuala m’ athair e.” Chaidh iad an sin a sìos a dh’ ionnsuidh an tighe; ’s ’n uair a chaidh iad a-stigh bha ’n seann duine ann an creathall, ’s iad ’g a thulgadh. Thubhairt an saighdear ris, “Ah! a dhuine, nach tu a fhuair an aois!” “Mata ’s mi a fhuair an aois mhòr, mhòr,” ars’ esan. Agus thubhairt an saighdear ris, “An cuala tusa iomradh air rìoghachd nam beann gorma?” “Mata,” ars’ an seann duine, “cha chuala mise riamh iomradh air an rìoghachd sin.” An sin thubhairt an t-ianadair ris an t-saighdear, “Tha mise ’dol do ’n mhonadh am màireach; agus tha feadag agam, agus ’n uair a [TD 149] [Beurla] [TD 150] sheinneas mi i cha ’n ’eil rìoghachd air an t-saoghal as nach tig eòin far am bi mise; agus bithidh fhios agam-sa ma tha ’leithid sin de rìoghachd ann.” Thug an saighdear an oidhche sin còmhla ris na seann daoine. An déigh am braiceas an là ’r na mhàireach dh’ fhalbh e còmhla ris an ianadair do ’n mhonadh. Ràinig iad am monadh, ’s shéid an t-ianadair an fheadag, is chruinnich na h-eòin as a h-uile àite g’ a ionnsuidh; ach bha aon iolair mhòr a bha fada gun tighinn seach càch. Thubhairt an t-ianadair rithe, “A lùireach mhosach, ’d é ’ghleidh thus’ air deireadh seach na h-eòin eile?” “Mata,” ars’ an iolair, “bha astar mòr agam-sa r’ a dheanamh seach càch.” “Cia as a thàinig thu?” ars’ an t-ianadair. “Thàinig mi an diugh fhéin a rìoghachd nam beann gorma,” ars’ ise. “Mata,” thubhairt an t-ianadair, “tha duin an so a dh’ fheumas tu ’thoirt air do mhuin am màireach do rìoghachd nam beann gorma.” “Nì mise sin,” ars’ ise, “ma gheibh mi gu leòir de bhiadh.” “Gheibh thu sin,” ars’ esan: “gheibh thu ceithreamh math feòla.” Thill iad an sin dhachaidh; agus dh’ fhan an iolair còmhla riù an oidhche sin. [TD 151] [Beurla] [TD 152] An déigh am braiceas am màireach dh’ fhalbh an t-ianadair, an saighdear, ’s an iolair, agus thug iad am monadh orra; agus bha ceithreamh feòla aca leò do ’n iolair, is ceithreamh eile do ’n t-saighdear. Chaidh an saighdear an sin air druim na h-iolaire, agus dh’ fhàg e beannachd aig an ianadair; agus sgaoil an iolair a sgiathan, is dh’ fhalbh i. Bha i air an rathad an sin; agus dh’ ith i ’n ceithreamh feòla; agus thubhairt i ris an t-saighdear, “Tha ’n t-acras orm, agus feumaidh mi do leigeil air falbh.” “Ah! cha leig,” ars esan: “tha beagan agam de m’ chuid fhéin, agus gheibh thu e.” “Thoir a-nall e mata,” ars’ ise. Thug e dhi e ’n sin is dh’ ith i e, is dh’ fhalbh i astar math leis. “Ah!” ars’ ise, “tha ’n t-acras orm a-rìs: feumaidh mi do leigeil air falbh.” “Ah! na dean sin,” ars’ esan; “thoir mise co dhiubh sàbhailte gu rìoghachd nam beann gorma.” “Seall,” ars’ ise, “am bheil mìr tuilleadh agad de ’n fheòil.” “Ah! cha ’n ’eil,” ars’ esan. “Tha sliasaid mhath agad,” ars’ ise; “thoir a-nall an so i.” Chum e rithe ’n t-sliasaid an sin gus an d’ ith i na bh’ air an taobh a-mach dhi. “’S fheàird mi sin,” ars’ ise; “sin feòil a ’s blasda [TD 153] [Beurla] [TD 154] ’dh’ ith mi fhathast”; agus rinn i astar mòr leis. Dh’ fhàs i acrach a rìs. “Ah!” ars’ ise, “feumaidh mi do leigeil air falbh co dhiubh: tha mi air fàs lag; ach tionndaidh a-nall an t-sliasaid eile, ’s gu’m bi iad coltach ri ’chéile.” Ged bu chruaidh e b’ fheudar dha ’shliasaid a chur a-nall dhi. Dh’ ith i sin; agus thubhairt i, “Ah! tha mi ’fheobhas eile; tha mi ’smuaineachadh gu’n dean mi nis an gnothuch air rìoghachd nam beann gorma ’thoirt a-mach.” An sin fhuair i rìoghachd nam beann gorma ’thoirt a-mach; agus dh’ fhàg i air talamh tioram an sin e. Bha each marbh an sin, ’s e ’n déigh na seiche a thoirt dheth. Dh’ iarr an iolair air an t-saighdear ceithreamh de ’n each a ghearradh ’s a chàradh air a muin. Rinn e sin; is thill i dhachaidh. Bha esan ’n a thruaghan bochd, ’s cha b’ urrainn e dad de choiseachd a dheanamh leis mar bha ’shliasaidean; ach rinn e strì gus an d’ fhuair e gu ruig tigh a’ ghàirnealair a bh’ aig rìgh nam beann gorma. Bha bean a’ ghàirnealair anabarrach math dha; agus dh’ fhan e leatha gus an do leighis i e. ’N uair a bha e leighiste chaidh e ’dh’ obair còmhla ris a’ ghàirnealair. Thàinig fios a-mach gu’n robh nighean rìgh nam bean gorma ’dol a phòsadh. “Ah!” ars’ esan ri bean a’ ghàirnealair, “nach bochd nach fhaighinn sealladh dhi!” [TD 155] [Beurla] [TD 156] “U! gheibh thu sin,” arsa bean a ghàirnealair; “cuiridh mise air dòigh thu gu’m faic thu i”; agus dh’ fhalbh i, agus dhress i ann an eudach ciatach e, agus chuir i air falbh le basgaid de dh’ ùbhlan e, agus thubhairt i ris, “Cuimhnich nach toir thu do dhuine sam bith iad gus an toir thu ’n a làimh fhéin iad.” Dh’ fhalbh e, ’s ràinig e tigh an rìgh; agus thubhairt e gu’n robh e air tighinn le basgaid de dh’ ùbhlan o’n ghàirnealair gu nighean rìgh nam beann gorma. Bha na seirbheisich ’dol a thoirt uaithe na basgaid; ach cha d’ thugadh e dhoibh i; agus dh’ iarr e i-fhéin fhaicinn. Chuir nighean an rìgh an sin fios air e ’thighinn a-stigh g’ a faicinn. Chaidh e stigh, is thug e dhi a’ bhasgaid ùbhlan; agus rug i air botul, ’s lìon i gloine de dh’ fhìon da. “Gabhaibh mo leusgeul,” ars’ esan; “’s e fasan na dùthch ’as an d’ thàinig mise gu’m feuchadh iad-fhéin an toiseach an deoch.” An sin dh’ òl i-fhéin an toiseach air; agus lìon i ’n gloine dha-san a-rìs. Dh’ fhalbh esan, ’s chuir e ’m fainn’ òir a thug i dha air ’ais ’s a’ ghloine g’ a h-ionnsuidh. Rug i air an fhainne, agus sheall i air, agus chunnaic i a h-ainm fhéin air; agus thubhairt i ris, “C’ àit an d’ amais am fainne so ort-sa?” Thubhairt esan, “Am bheil cuimhn’ agaibh-sa air an t-saighdear a chuir sibh a dh’ ionnsuidh a leithid so de thàillear airson deise eudaich?” [TD 157] [Beurla] [TD 158] “Air leam gu bheil,” ars’ ise: “am bheil tuilleadh dearbhaidh agad air sin?” “Tha,” ars’ esan; ’s thug e mach an sgian-pheann, ’s thug e dhi e. “Am bheil dearbadh eil’ agad?” ars’ ise. “Tha,” ars’ esan, ’s thug e dhi am prìn’ òir. “Tha mi ’faicinn a-nis gu bheil an rud fìor,” ars’ ise; ’s chuir i ’dà làimh mu ’mheadhon, ’s rinn i sodan mòr ris. Shocraich iad là airson a chéile ’phòsadh; agus chuir i cùl ris an fhear a bha i ’dol a phòsadh roimhe sin. Thill esan dhachaidh gu bean a’ ghàirnealair; agus dh’ innis e dhi gu’n robh e ’dol a phòsadh nighean rìgh nam beann gorma. “Na biodh cùram ort-sa nach bi mise am chùlanach math dhuit-sa ’s do d’ dhuine.” Phòs iad an sin. An déigh a’ phòsaidh thug i e ’dh’ fhaicinn nam prìosanach a bha aice; agus, ’n uair a chunnaic e iad, dh’ aithnich e na companaich aige fhéin, ’s ghabh e truas mòr dhiubh, ’s dh’ iarr e an leigeil mu ’r sgaoil; ’s thug e sìneadh math de dh’ airgiod dhoibh, a bheireadh air falbh iad. [TD 159] [Beurla] [TD 160] VI. AN LONG A CHAIDH DO DH’ AMERICA. SHEÒL an long so gu America, agus bha mòran sluaigh innte a bha ’dol a dh’ fhuireach ’s an dùthaich sin. Dh’ éirich dhoibh gu’n d’ thàinig iad dlùth air an fhearann far an robh rochdan is sgeirean; agus chaidh na daoine a chall uile gu léir ach aon duine ’s a bhean. Fhuair iad sin air tìr air pìos briste de ’n t-soitheach; agus rinn iad bùth gu h-àrd bràigh a’ chladaich. Bha siùil is roip de ’n t-soitheach a’ dol air tìr, agus rinn iad am bùth suas leò. Bha pàirt de ’n bhiadh a bha ’s an t-soitheach a’ dol air tìr, ann an togsaidean, mar bha briosgaidean is feòil; agus cuid de leabhraichean a bh’ air bòrd chaidh iad air tìr cuideachd. Bha iad ùine an sin gus an do theirig na chaidh air tìr, agus an robh iad an uireasbhuidh. Smuainich an duine là de na làithean gu’n rachadh e mach feadh na dùthcha dh’ fheuch am faiceadh e tighean is daoine no ni sam bith a bheireadh toileachadh dha; agus thubhairt e r’ a mhnaoi gun iomagain sam bith a bhi orra. Dh’ fhalbh e, agus ghabh e air ’aghaidh, agus chaidh e troimh mhòran coille. Bha e ’toirt [TD 161] [Beurla] [TD 162] criomain de ’n chairt bhàrr nan craobh mar bha e ’dol air ’aghaidh. Fhuair e ’n sin troimh ’n choille. Cha ròbh e ’faicinn duine no coltas tighe sam bith. Chunnaic e beinn greis mhath uaithe, agus chuir e roimhe gu’n ruigeadh e ’mullach, a thaobh gu’m faiceadh e sealladh na b ’fheàrr air an dùthaich. Ràinig e mullach na beinne mu’n do stad e; agus bha e sgìth, acrach, agus an là air dol seachad gu math aig a cheart àm sin. Cha ’n fhac e coltas duine no tigh fad a sheallaidh. Dh’ fhàs e cho iomaguineach ’s gu’n dubhairt e gu’m b’ fheàrr leis nach d’ fhàg e ’m bùth beag aige fhéin, ’s eagal mòr air nach b’ urrainn e tilleadh air ’ais le dìth béidh. Bha e ’g amharc sìos air an taobh eile de ’n bheinn, agus bha leis gu’m fac e coltas bothain bhig aig bonn na beinne; agus thubhairt e ris fhéin, “Ruigidh mi sìos, agus chì mi gu ’d é ’n seòrsa tighe a th’ ann.” Theirinn e sìos an sin, is ràinig e ’m bothan tighe, agus chaidh e stigh do sheòmar: agus bha ’n sin bòrd air a churainneachadh le tubhailt mhòir, ghil, agus botul fìona is builionn cruineachd air. “Mata,” thubhairt e ris fhéin, “tha ’n t-acras orm, agus cha ’n ’eil fhios agam gu ’d é ’ni mi. Ma bheanas mi d’ a so dhaoite gu’m bi e ’n a choire dhomh; ach co dhiubh gabhaidh mi de dhànadas ’s gu’n gabh mi pairt deth.” Thug e làmh air a’ bhotul, [TD 163] [Beurla] [TD 164] ’s ghabh e balgum no dhà as; agus thug e crioman as a’ bhuilinn, agus dh’ ith e e. Thàinig a-stigh an sin seann duine, liath, agus thubhairt e ris, “’D é do naigheachd, a choigrich? ’D é air an t-saoghal a shaodaich thu an rathad so?” Dh’ innis e dha a h-uile mi-fhortan troimh ’n d’ thàinig e; agus thubhairt e ris an t-seann duine, “Cha ’n ’eil fhios nach d’ rinn mise gu mi-mhodhail dol a chòir so, ach bha ’n t-acras orm.” “Cha d’ rinn, cha d’ rinn,” ars’ an seann duine; “gabh do leòir dheth: ’s ann airson do leithid a tha e ann. Am bheil thu pòsda?” “Tha,” ars’ am fear eile. “Am bheil teaghlach agaibh?” ars’ an seann duine. “Cha ’n ’eil,” ars’ am fear eile; “cha robh duine cloinne riamh againn.” Ars’ an seann duine, “Tha ’n là nis air dol seachad; agus cha ’n ’eil ùin’ agad air tilleadh air t-ais a nochd. Fanaidh tu agam-sa, agus gheibh thu bìadh is leaba uam-sa.” Chuir e seachad an oidhche sin còmhla ris an t-seann duine gu maduinn an là ’r na mhàireach. Dh’ éirich iad le chéile ’s a’ mhaduinn, ’s rinn an seann duine ’bhraiceas da. Chuir e botul fìona ’s builionn cruineachd a-nall air a’ bhòrd, ’s thubhairt e ris, “Gabh a-nis do bhraiceas gu math; tha ’n t-astar fad’ agad r’ a dheanamh; [TD 165] [Beurla] [TD 166] agus tha do bhean ann an iomaguin mhòir umad.” ’N uair a bha e ’falbh thubhairt ann seann duine ris mar so, “Gu ’d é ’bheir thu dhomh-sa ma bheir mi dhuit an tubhailt so? Cha ’n ’eil uair a sgaoileas tu air do bhòrd i nach fhaigh thu botul fìona agus builionn cruineachd, agus seòrsa no dhà eile de bhiadh a thuilleadh air a sin.” “Mata,” ars’ am fear eile, “cha ’n ’eil ni agam sa ’bheir mi dhuit air a son.” “Mata,” ars’ an seann duine, “ma bheir thu dhomh-sa a cheud duine no beathach a bheirear air do sheilbh gheibh thu ’n tubhailt.” Smuainich am fear eile nach biodh duine cloinne aige no ’bheag de bheathaichean; agus thubhairt e ris an t-seann duine gu’n d’ thugadh e dha na bha e ’g iarraidh. Thubhairt an seann duine ris, “Ge b’ air bith a bhios ann thig an so leis seachd bliadhna o ’n diugh.” Dh’ fhalbh e ’n sin is dh’ fhàg e beannachd aig an t-seann duine, agus thill e dhachaidh a dh’ ionnsuidh a’ bhothain; ’s bha ’bhean anabarrach toilichte: cha robh fiughair aice gu’m faiceadh i gu bràth e. Chuir e ’làmh ’n a achlais, ’s thug e mach an tubhailt, is sgaoil e i; agus bha ’n sin am botul fìona ’s am builionn cruineachd, ’s mòran de sheòrsachan eile air a’ bhòrd. “Ah!” ars’ a bhean, “c’ àit an d’ amais so ort?” [TD 167] [Beurla] [TD 168] Thubhairt esan, “Chuir am fortan orm e. Cha bhi dìth oirnn tuilleadh fhad ’s a bhios sinn beò.” Bha mar so là ’s là ’dol seachad, agus mu dheireadh bha mac òg aig a mhnaoi, agus thug e Iain mar ainm air. ’N uair a chinn e ’n a phroitseach mu cheithir no còig a bhliadhnaichean thòisich e air sgoil a thoirt dha. Chaidh an ùine seachad gus an d’ thàinig e thun na seachd bliadhna; agus thubhairt e r’ a mhnaoi, “Tha mise ’falbh an diugh, agus ’dol a thoirt leam a’ bhalachain, a chionn ’s e so a gheall mise airson na tubhailt.” Thòisich ise air caoineadh ’s air bròn, ’s air cur iomchoir’ ’air airson a leithid a dheanamh. “Cha ’n ’eil atharrach air,” ars esan: “feumaidh mise ’dheanamh; feumaidh mi falbh an diugh.” Dh’ éirich a mhàthair an so, agus phòg i ’m balachan, agus leig i air falbh e còmhla ri ’athair. Ràinig iad ceum air cheum am bothan beag aig bun na beinne far an robh an seann duine liath, agus chaidh e stigh do ’n cheart seòmar ’s an robh e roimhe; ’s bha botul fìona ’s builionn cruineachd air a’ bhòrd. Smuainich e leis fhéin gu’n gabhadh e deur as a’ bhotul ’s gu’n thugadh e crioman as a’ bhuilinn; ’s ghabh e-fhéin ’s am balachan rud dheth sin. Co ’thàinig a-stigh ach an seann duine liath; ’s thubhairt e ris, “Thàinig thu mar a gheall thu.” [TD 169] [Beurla] [TD 170] “U! thàinig,” ars’ am fear eile. “Mata,” ars’ an seann duine liath, “bha feum agad air tighinn an diugh, oir dh’ fhalbhainn-sa ’m màireach g’ ad iarraidh. Tha mi ’faicinn gu bheil balachan agad an dràst; rud nach robh agad roimhe. C’ ainm baistidh a th’ air?” “Iain,” ars’ ’athair a’ bhalachain. “Gu’m meal e ’ainm; tha deagh ainm agad air,” ars’ an seann duine. “Am bheil a’ bheag de sgoil aige?” “Tha beagan: bha mi-fhéin ag ionnsachadh dha,” ars’ athair a’ bhalachain. Ars’ an seann duine, “Bheir mise deagh sgoil is deagh ionnsachadh dha, agus ni mi mar gu’m bu mhac dhomh fhéin e. Dhaoite bith gu’n dean mi duine fortanach dheth fhathast.” Dh’ fhan ’athair an oidhche sin còmhla riu aig bonn na beinne. An là ’r na mhàireach, ’n uair a fhuair iad am braiceas, dh’ fhàg ’athair beannachd aig a’ bhalachan, agus thill e dhachaidh. ’N uair a thill e cha robh a bhean ach brònach, duilich as déigh a’ bhalachain. Bha esan a’ cumail misnich innte mar a b’ fheàrr a b’ urrainn e, an dochas gu’m biodh mac eile fhathast aca. Fàgaidh sinn iadsan gu comh-fhurtachail an sin, agus tillidh sinn a dh’ ionnsuidh a’ bhodaich a bh’ aig bonn na beinne. Dh’ fhàs am balachan ’n a ghille mòr, gasda; [TD 171] [Beurla] [TD 172] ’s thug an seann duine liath na’s leòir de sgoil dha is ionnsachadh. Bha e còrr is fichead bliadhna aig an t-seann duine liath; ’s thubhairt an seann duine ris a’ ghille, “Tha thu-fhéin is mise ’dol gu mullach na beinne so shuas an diugh. Seallaidh tu bràigh an doruis, agus gheibh thu srian eich, agus bheir thu leat i.” Ràinig iad mullach na beinne; agus thubhairt an seann duine ri Iain, “Crath an t-srian rium-sa, agus tionndaidhidh mi ’n am each, agus leumaidh tu air mo mhuin.” Rinn Iain sin, agus thionndaidh an seann duine liath ’n a each, agus leum e air a mhuin, agus dh’ fhalbh e leis, agus dh’ fhalbh e gu h-uamhasach. Bu choingeis leis boglach no garbhlach. Ghabh iad air an aghaidh neart de ’n là sin, agus thàinig iad gu aoineadh mòr taobh an loch; ’s thubhairt an seann duine liath ris, “Thig bhàrr mo mhuin, Iain.” Thàinig Iain a-nuas bhàrr a mhuin; agus thubhairt an seann duine ris, “Théid thu suas do dh’ uaimh a tha shuas ann an sin, is gheibh thu trì famhairean ’n an sìneadh an sin a’ dol bàs leis an acras; agus seall ann am chluais dh’ fheuch ’d é gheibh thu ann.” Sheall e, ’s fhuair e botul fìona agus trì builionnan cruineachd. Thubhairt an seann duin’ an sin, “Bheir thu builionn an t-aon dhoibh, agus roinnidh tu ’m botul eatorra; agus ’n uair a dh’ [TD 173] [Beurla] [TD 174] itheas iad sin abair riutha gu bheil dòchas agad gu’n cuimhnich iad dhuit-sa fhathast e.” Chaidh e far an robh na famhairean, ’s thug e dhoibh sin. ’N uair a ghabh iad dheth thubhairt am famhair mòr, “Tha sinn gu h-anabarrach a-nis dheth.” “Ma tha,” ars’ Iain, “tha mi ’n dòchas gu’n cuimhnich sibh dhomh-sa fhathast e.” “Dhaoite gu’n cuimhnich,” ars’ am famhair mòr. Chaidh e sìos far an robh an seann duine; agus thubhairt an seann duine ris, “An d’ rinn thu mar a dh’ iarr mi ort?” “Rinn, rinn,” ars’ Iain. “Leum air mo mhuin, Iain,” ars’ an seann duine. Dh’ fhalbh iad an sin, agus ràinig iad taobh an loch far an robh tràigh mhòr. “Thig bhàrr mo mhuin, Iain,” ars’ an seann duine. “Falbh sìos a dh’ ionnsuidh na tràgha: tha iasg mòr an sin, agus cuiridh tu mach air an loch e; agus their thu ris gu bheil dòchas agad gu’n cuimhnich e dhuit fhathast e.” Chaidh e sìos, agus fhuair e ’n t-iasg ann, agus chuir e mach air an loch e, agus thubhairt e ris an iasg, “Tha mi ’n dòchas gu’n cuimhnich thu sin fhathast dhomh.” “Dhaoite gu’n cuimhnich,” ars’ an t-iasg. [TD 175] [Beurla] [TD 176] Thill e ’n sin far an robh an seann duine; agus thubhairt an seann duine ris, “An d’ rinn thu mar a dh’ iarr mi ort, Iain?” Thubhairt Iain gu’n d’ rinn; ’s thubhairt an seann duine, “Leum air mo mhuin, Iain.” Dh’ fhalbh iad an sin, is thàinig iad a dh’ ionnsuidh caisteal mòr pràise; agus thubhairt an seann duine, “Thig bhàrr mo mhuin, Iain. Théid thu suas a dh’ ionnsuidh a’ chaisteil sin, ’s théid thu stigh, agus chì thu seòmraichean làn òir is seòmraichean làn airgid: agus na chunnaic thu riamh na beanadh do làmh do dhad dheth gus an tig thu ’mach.” Chaidh Iain an sin a-stigh do ’n chaisteal, is chunnaic e na bha ’n sin de sheòmraichean òir is airgid; agus ’n uair a bha e ’tighinn a-mach thug e sùil gu taobh, agus chunnaic e pasg mòr de dh’ itean geòidh; agus smuainich e gu’m bu mhath a fhreagradh té dhiubh airson peann a dheanamh; agus thug e leis té dhiubh. Cha do ghabh e diog air ris an t-seann duine gu’n d’ rinn e so. Thubhairt an seann duine ris, “Nach d’ fhuair thu sealladh math a-stigh an sin?” “Fhuair,” ars’ Iain. “Cha do bhean thu do dhad; cha d’ thug thu dad leat,” ars’ an seann duine. “Cha d’ thug,” ars’ Iain. “Leum air mo mhuin,” ars’ an seann duine. [TD 177] [Beurla] [TD 178] Leum Iain air a mhuin, agus dh’ fhalbh iad, agus ràinig iad pailis rìgh a bha ’n sin; ’s thubhairt an seann duine liath ris, “Thig bhàrr mo mhuin, Iain.” “Thig, thig,” ars’ Iain; agus thubhairt an seann duine liath ris, “Theirig a-stigh, agus cuir fios a dh’ ionnsuidh an rìgh am bi cléireach a dhìth air.” Chaidh Iain a-stigh, agus thàinig fios gu’m biodh cléireach a dhìth orra fo làimh an ard-chléirich. Chaidh Iain a-mach, agus dh’ innis e sin do ’n bhodach; agus thubhairt am bodach, “Gabh thusa sin fhéin gus am faigh thu na ’s fheàrr”; agus thill Iain a-stigh, agus ghabh e ’n tairgse ’fhuair e. An sin thill e ’mach, is dh’ innis e do ’n t-seann duine liath gu’n d’ rinn e muinntearas aig an rìgh. Dh’ fhàg an seann duine liath an sin e; agus thubhairt e ris, “Ma thig éigin no cruaidh-chàs sam bith ort cuimhnich orm-sa, agus thig mise far am bi thu.” Chaidh e stigh an sin, is thòisich e air ’obair fo làimh an ard-chléirich. Na pinn a bh’ aca cha robh iad a’ còrdadh ris; agus chuimhnich e gu’n d’ thug e ’n ite leis as a’ chaisteal phràis; agus rinn e peann d’ i; agus ’n uair a dh’ fheuch e ’m peann sin dheanadh e sgrìobhadh leis nach d’ rinn e-fhéin, ’s nach fhac e duin’ eile ’deanamh a leithid. ’N uair a chunnaic an t-àrd-chléireach an sgrìobhadh a bha e ’deanamh cha ’n fhac e- [TD 179] [Beurla] [TD 180] fhéin a leithid, ’s bha e air oillteachadh gu’m faigheadh e ’bhi os a cheann fhéin. Dh’ éirich do dh’ Iain gu’n robh e ’mach là, agus thàinig an t-àrd-chléireach a dh’ fheuchainn nam peann aig Iain, agus dh’ amais e air a’ pheann so, agus sgrìobhadh e leis cho math ri Iain e-fhéin. Dh’ fhalbh an t-àrd-chléireach, agus dh’ innis e do ’n rìgh gur h-e ’m peann a bh’ aig Iain a bha ’deanamh an sgrìobhaidh; agus chaidh an rìgh, agus dh’ fheuch e-fhéin am peann, agus dheanadh e cho math ri Iain ’s ris a’ chléireach. Chuir an rìgh fios air Iain, agus thubhairt e ris, “C’ àit an d’ fhuair thu ’m peann a th’ agad an sud?” Thubhairt Iain, “An là ’thàinig mi ’n so fhuair mi ’m peann anns a’ chaisteal phràis.” “Bha mi ’smuaineachadh sin,” ars’ an rìgh. “Feumaidh tu fhalbh, agus bain-tighearn’ a’ chaisteil phràis a thoirt ’am ionnsuidh ann an so los gu’m pòs mi i.” “Cha ’n urrainn mise sin a dheanamh,” ars’ Iain. “Feumaidh tu ’dheanamh, air neo mur dean théid do chrochadh,” ars’ an rìgh. Thug Iain an so a sheòmar fhéin air, agus thòisich e air caoineadh; agus thubhairt e ris fhéin, “Nach bu mhath an seann duine liath na’m biodh e ’n so!” agus ann an tiota co ’bh’ aige ach an seann duine liath air tighinn. [TD 181] [Beurla] [TD 182] “’D é so ’th’ ort?” ars’ an seann duine liath. Dh’ innis e mar a thubhairt an rìgh ris; agus thubhairt an seann duine liath ris, “Bàrnaidh mise gu’n do bhean thu do rud-eigin ’s a’ chaisteal.” “Mata,” ars’ Iain, “cha do bhean mise do rud sam bith ach do dh’ aon ite; agus rinn mi peann d’ i; agus ’s e sin a rinn an gnothuch so mar tha e.” “Tha sin cho dona dhuit,” ars’ an seann duine, “’s ged a bheanadh tu do rud a bu mhò na e; agus dh’ iarr mise ort gun bheanailt ri dad; agus mur beanadh cha robh sin agad ri ’dheanamh an diugh: co dhiubh thig a-mach agus leum air mo mhuin.” Chaidh Iain a-mach, agus leum e air a mhuin, agus dh’ fhalbh iad, agus ràinig iad sealladh a’ chaisteil phràis taobh na mara; agus thug e dha slat, agus thubhairt e, “Buail an t-slat sin orm-sa, agus fàsaidh mi ann am long; agus stiùiridh tu dìreach gu ruig beulaobh a’ chaisteil phràis i, agus cuiridh tu ’mach acair an sin, agus théid thu air tìr leis a’ gheòlaidh, agus bithidh tu ’g amharc mu ’n cuairt ort dh’ fheuch ’d é ’chì thu, agus ag imeachd air t-ais ’s air t-aghaidh. Cuiridh a’ bhain-tighearna ’mach a ceann bhàrr uinneig gu h-àrd bràigh a’ chaisteil; agus their [TD 183] [Beurla] [TD 184] i riut-sa, ‘Cia as a thàinig thu, ’sheòladair?’ agus their thusa rithe gu bheil thu ’n déigh tighinn thairis as na H-Innsean; agus their ise, ‘Gu ’d é ’n luchd a th’ agad air bòrd?’ agus their thusa rithe gu bheil luchd sìoda; fasain a tha air ùr-thighinn a-mach, ’s a tha anabarrach briagh airson bhain-tighearnan. Their ise ’n sin riut, ‘Thoir a-stigh ultach math deth, agus ceannaichidh mise deise no dhà dheth.’ Their thusa rithe, ‘Cha ’n urrainn domh-sa ’bharalachadh gu ’d é ’thoilicheas sibhse; ach o ’n ’tha ’n là fiathail, ciùin cha ’n ’eil rud sam bith a’s fheàrr na sibh-fhéin a thighinn a-mach’; agus their ise riut, gu bheil i ’smuaineachadh gur h-e sin a’s fheàrr dhi.” Dh’ fhalbh e ’n sin, is bhuail e ’n t-slat air a’ bhodach, is thionndaidh e ’n a luing; ’s thog iad orra, ’s chuir iad acair a-mach air beulaobh a’ chaisteil phràis, ’s chiadh Iain air tìr leis a’ gheòlaidh. Ràinig e ’n caisteal, ’s bha e ’dol mu’n cuairt da air ’ais ’s air ’aghaidh, a-null ’s a-nall; ’s chuir ise ’mach a ceann air an uinneig gu h-àrd, ’s thubhairt i ris, “Cia as a thàinig thu, ’sheoladair?” “Tha mi ’n déigh tighinn thairis as na H-Innsean,” ars esan. “’D é ’n luchd a th’ agad air bòrd?” ars’ ise. “Tha luchd sìoda,” ars’ esan; “a h-uile [TD 185] [Beurla] [TD 186] seòrsa fasain de dh’ fhasain ùra, is anabarrach freagarrach airson dheiseachan do bhain-tighearnan ’s do mhnathan uaisle mòra.” “Bithidh mi ’ad chomain,” ars’ ise, “ma bheir thu stigh ultach math dheth, ’s gu’n ceannaich mise deise no dhà dheth.” “Cha ’n urrainn domh-sa,” ars’ esan, “barail a thoirt gu d’ é na seòrsachan a thoilicheas sibhse; ’s fheàrr dhuibh dol a-mach leam air bòrd, o ’n a tha ’n là ciùin, fiathail.” “Mata,” ars’ ise, “cha ’n ’eil fhios agam nach h-e sin a’s fheàrr dhomh a dheanamh.” ’Dh fhalbh i ’mach leis, ’s thug e sìos do ’n chabin i, ’s chuir e air a beulaobh an sin ultaichean sìoda, agus thug i de dh’ ùine a’ ruith orra, ’s a’ smuaineachadh gu ’d é ’n seòrsa ’bheireadh i leatha, gus mu dheireadh, ’n uair a thàinig i nìos air bòrd an robh i astar fuathasach air falbh o ’n chaisteal. “Ah!” ars’ ise, “gu ’d é so ’rinn thu orm?” “Cha ’n eagal duibh fhathast,” ars’ esan. “Mata,” ars’ ise, “tha mise ’nis an déigh mo chaisteal pràis a chall; mo dhachaidh mhath:” agus chuir i ’làmh ’n a pòca, ’s thug i ’mach iuchraichean a’ chaisteil, ’s thilg i ’mach air an loch iad. “’D é sam bith,” ars’ ise, “mar a dh’ éireas dhomh-sa cha téid duin’ eile stigh am dhéigh-sa do ’n chaisteal.” [TD 187] [Beurla] [TD 188] Stiùir esan an long agus thàinig e air tìr aig a’ cheart àite as an d’ fhalbh e. Thug e bain-tighearn’ a’ chaisteil phràis leis anns a’ gheòlaidh air tìr, agus chrath e ’n t-slat ris an long, agus thàinig an long gu tìr, is dh’ fhàs i ’n a h-each. Chuir e bain-tighearn’ a’ chaisteil phràis air muin an eich, agus mharcaich iad dhachaidh gu ruig pailis an rìgh, agus liubhair e bain-tighearn’ a’ chaisteil phràis do ’n rìgh. An là ’r na mhàireach thòisich e aìr a chléirsinneachd. Bhruidhinn an rìgh ri bain-tighearn’ a chaisteil phràis airson a pòsadh. Thubhairt ise ris, “Cha phòs mis’ thu ’m feasda gus an cuir thu ’n caisteal pràis aig ceann a’ phailis ann an so.” “Bheir sinn air Iain sin a dheanamh,” ars’ an rìgh. Chuir e fios air Iain, ’s thubhairt e ris, “Feumaidh tu ’n caisteal pràis a chur aig ceann a’ phailis ann an so, air neo théid do chrochadh.” Dh’ fhalbh Iain bochd, ’s thug e ’sheòmar air, ’s thòisich e air smuaineachadh air an t-seann duine liath, ’s thàinig e. Thubhairt an seann duine liath, “’D é ’th’ ort an diugh, Iain?” “Tha,” thubhairt Iain, “gu bheil an rìgh ag iarraidh orm an caisteal pràis a thoirt gu ceann a’ phailis aige, air neo théid mo chrochadh.” [TD 189] [Beurla] [TD 190] “Nach d’ iarr mise ort,” ars an seann duine liath, “gun bheanailt do ni sam bith anns a’ chaisteal? Mar beanadh cha bhiodh sin agad ri ’dheanamh an diugh. Thig a-mach, ’s leum air mo mhuin.” Dh’ fhalbh e leis gus an d’ thug e ’dh’ ionnsuidh na h-uamha e far an robh na famhairean mòra. “Tha mòran fhamhairean ann an diugh,” ars’ esan; “agus abair riu am bheil cuimhn’ aca an là ’bha iad a’ dol bàs le acras, ’s a thug thu fìon is cruineachd dhoibh, agus gu bheil thu ’n dòchas gu’n toir iad an caisteal pràis gu ceann pailis an rìgh air do shon-sa.” Chaidh e suas, agus, mar thubhairt e ris, bha ’n uamh làn fhamhairean, agus thubhairt e ris an fhamhair mhòr, “Am bheil cuimhn’ agad an là ’bha thu bàsachadh an so leis an acras, agus thug mise botul fìona agus builionnan cruineachd dhuibh?” “Mata,” ars’ am famhair mòr, “air leam gu’n robh a leithid ann gu dearbh.” “Tha mi ’n dòchas gu’n cuimhnich thu dhomh-sa ’n diugh e,” thubhairt Iain. “Gu ’d é ’tha ’dhìth ort?” thubhairt am famhair mòr. “Tha ’dhìth orm,” ars’ Iain, “gu’n toir thu ’n caisteal pràis a dh’ ionnsuidh pailis an rìgh air mo shon-sa.” [TD 191] [Beurla] [TD 192] “Dhaoite gu’n toir,” ars’ am famhair mòr. Chaidh Iain an sin a sìos far an robh an seann duine liath; agus thubhairt an seann duine liath, “An d’ rinn thu mar dh’ iarr mi ort, Iain?” “Rinn,” thubhairt Iain. “Gu ’d é ’thubhairt e ruit?” ars’ an seann duine liath. “Thubhairt e, ‘Dhaoite gu’n toir’,” ars’ Iain. “Tha sin cho math ’s ged dheanadh e na bu chinntiche thu,” ars’ an seann duine liath. “Leum air mo mhuin, Iain.” Thill iad a h-uile ceum a dh’ ionnsuidh pailis an rìgh; agus thubhairt an seann duine liath ris, “Tòisich air t-obair a-nis, ’s ma thig éigin sam bith ort cuimhnich orm-sa”; agus dh’ fhàg e e. Anns a’ mhaduinn an là ’r na mhàireach, ’n uair a dh’ éirich an rìgh, bha ’n caisteal pràis aig ceann a’ phailis aige. Bhruidhinn an rìgh an sin ri bain-tighearn’ a’ chaisteil phràis airson a pòsadh; agus thubhairt i, “Cha phòs mis’ thu ’m feasda gus am faigh mi ’m pasgan iuchraichean a thilg mi ’mach air an loch.” Thubhairt an rìgh, “Bheir sinn air Iain gu’m faigh e iad.” Chuir e fios air Iain e ’thighinn a bhruidhinn ris, agus thubhairt e ris, “Feumaidh tu iu- [TD 193] [Beurla] [TD 194] chraichean a’ chaisteil phràis fhaotuinn dhomh-sa a thilg a’ bhain-tighearn’ a-mach air an loch an là ’thug thu as a chaisteal i, air neo théid do chrochadh.” Thug Iain a sheòmar fhéin air, agus thòisich e air smuaineachadh air an t-seann duine liath, agus thàinig e. “’D é ’tha ’dhìth air an rìgh a-nis?” ars’ an seann duine liath. “Tha iuchraichean a’ chaisteil phràis a thilg i ’mach air an loch an là ’thug sinn as a’ chaisteal i,” ars Iain. “Nach d’ iarr mise ort,” ars’ an seann duine, “gun bheanailt do dh’ aon ni a’ bha ’s a’ chaisteal? Mar beanadh cha robh sin agad ri ’dheanamh an diugh. Thig a-mach is leum air mo mhuin.” Leum e air a’ mhuin an sin, is dh’ fhalbh iad is ràinig iad an tràigh far an robh an t-iasg a chuir e ’mach air an loch; ’s thubhairt an seann duine ri Iain, “Rach a-mach a-nis, agus glaodhaidh tu air rìgh an éisg; agus ’n uair a thig e their thu ris, ‘Am bheil cuimhn’ agad an là ’bha thu traight’ air an tràigh an so, ’s a chuir mise ’mach thu?’ ‘Tha leam gu bheil,’ their an t-iasg; ’s their e riut, ‘’D é ’tha ’dhìth ort?’ ’s their thusa ris gu bheil iuchraichean a’ chaisteil phràis a dhìth ort a thilg a’ bhain-tighearna ’mach ’s an loch.” [TD 195] [Beurla] [TD 196] Chaidh e ’n sin a-mach air an loch, agus ghlaodh e air rìgh an éisg, agus thubhairt e ris, “Am bheil cuimhn’ agad an là ’bha thu air tràghadh an so, agus a chuir mise ’mach thu?” “Tha cuimhn’ agam air,” ars’ an t-iasg: “’d é ’tha ’dhìth ort?” “Tha ’dhìth orm iuchraichean a’ chaisteil phràis a thilg a’ bhain-tighearn’ a-mach air an loch,” ars’ esan. Dh’ fhalbh an t-aisg an sin air tòir nan iuchraichean, ’s thug e ùine mhath mu ’n d’ amais e orra. Thill Iain an sin ’s na h-iuchraichean aige, ’s chaidh e air tìr; ’s thubhairt an seann duine ris, “An d’ fhuair thu na h-iuchraichean?” “Fhuair,” ars’ esan. “Leum air mo mhuin,” ars’ an seann duine. Leum e air a mhuin, is dh’ fhalbh e leis a dh’ ionnsuidh pailis an rìgh, ’s thug e na h-iuchraichean do ’n rìgh; ’s thug an rìgh do bhain-tighearn’ a’ chaisteil phràis iad. Thill Iain a-mach far an robh an seann duine; agus thubhairt an seann duine, “Thoir an aire air do ghnothuch mar b’ àbhaist; agus ma thig éigin sam bith ort cuimhnich orm-sa.” ’N uair a fhuair a’ bhain-tighearna na h-iuchraichean thubhairt i ris an rìgh, “Cha phòs mise ’m feasda gus am faigh mi trì botuil de dh’ uisge tobair nam buadh.” [TD 197] [Beurla] [TD 198] “Cha ’n urrainn mise sin fhaotuinn dhuit,” ars’ an rìgh: “bheir sinn air Iain ’fhaotuinn.” Thug Iain a sheòmar air, agus thòisich e air smuaineachadh air an t-seann duine liath, gu’m bu mhath na ’n tigeadh e. Thàinig an seann duine liath, agus thubhairt e, “Gu ’d é ’th’ ort an diugh, Iain?” “’S mòr sin ’s cha bheag e,” thubhairt Iain. “Tha e ’g iarraidh trì botuil de dh’ uisge tobair nam buadh.” “Thig a-mach, is leum air mo mhuin: cha ’n ’eil sin furasd’ ’fhaotuinn,” ars’ an seann duine liath. Dh’ fhalbh Iain ’s an seann duine liath, is mharcaich iad air an aghaidh astar fuathasach; agus thubhairt e ri Iain, “Iain, thig bhàrr mo mhuin, agus faigh clach mhath, agus buailidh tu mi am bun na cluaise, agus marbhaidh tu mi: cha ’n urrainn domh-sa dol na’s fhaide: agus n’ uair a mharbhas tu mise sgoiltidh tu mo bhroinn, agus théid thu stigh am bhroinn, is leigidh tu pàirt de m’ chaolain a-mach air mo chliathaich; agus thig còig fithich a dh’ itheadh mo chaolan; agus cuiridh tu do làmh a-mach gu fàilidh, agus beiridh tu air dithis, agus their an trì eile riut, ‘Leig a-mach ar bràithrean g’ ar n-ionnsuidh’; agus abair thusa riu nach leig gus an toir iad do d’ ionnsuidh còig botuil de [TD 199] [Beurla] [TD 200] dh’ uisge tobair nam buadh; agus ’n uair a thig iad leis feuch nach toir iad an car asad. Ma ’s e ’n t-uisge ceart a bhios ann éiridh mi beò ma chuireas tu deur orm dheth; ’s mur h-e cha charaich mi; agus maoidhidh tu gu fuathasach gu’m marbh thu an dà fhitheach a th’ agad mur toir iad ’ad ionnsuidh an t-uisge ceart.” Dh’ fhalbh e ’n so is bhuail e ’chlach ’air am bun na cluaise, is mharbh e e. Sgoilt e air a bhroinn, agus chaidh e stigh ’n a bhroinn. Thàinig na còig fithich a dh’ itheadh nan caolan aig an each, ’s chuir esan a làmh a-mach, is rug e air dithis dhiubh; agus ghlaodh na fithich eile am braithrean a leigeil a-mach g’ an ionnsuidh-san. “Cha leig,” ars’ esan, “gus an toir sibh còig botuil de dh’ uisge tobair nam buadh g’ am ionnsuidh-sa an so.” Dh’ fhalbh iad an sin is thàinig iad, ’s na còig botuil aca. “So,” ars’ iadsan; “leig leinn-ne nis ar bràithrean.” “Cha leig,” ars’ esan, “gus am bi fhios agam-sa ’n e t-uisge ceart a th’ agaibh.” Thilg e deur air an each ’s cha do charaich an t-each. Dh’ fhalbh e ’n sin, is rug e air cheann air an dà fhitheach a bh’ aige, ’s thòisich e air an cur mu ’n cuairt, agus thubhairt e, “Bheir mise na cinn as na h-achanan agaibh mur toir sibh am ionnsuidh an t-uisge ceart.” [TD 201] [Beurla] [TD 202] Dh’ fhalbh iad a dh’ iarraidh an uisge, agus thug iad ùine mhòr mu ’n do thill iad, ’s thug iad dha an t-uisge, ’s thilg e steall air an each, agus dh’ éirich an t-each agus thàinig e beò, agus thubhairt e ri Iain, “’S math a rinn thu, Iain”; agus leig Iain an dà fhitheach air fhalbh le càch. Thubhairt an sean duine liath, “Leum air mo mhuin, Iain.” An sin dh’ fhalbh iad, agus thàinig iad dhachaidh a h-uile ceum gu ruig pailis an rìgh; agus thubhairt an seann duine ri Iain, “Bheir thu trì botuil seachad, agus gléidhidh tu-fhéin dithis; agus ma thig éigin sam bith ort cuimhnich orm-sa.” Thug e na trì botuil do ’n rìgh; agus thug an rìgh do ’n bhain-tighearn’ iad. Dh’ òrduich ise coire mòr làn uisge ’chur ’air, agus a ghoil, agus chaidh i do sheòmar leatha fhéin, agus nigh i i-fhéin leis na trì botuil o bhonn a coise gu mullach a cinn. Bha Iain ag amharc a-stigh orra troimh tholl na h-iucrach, agus leum i anns a’ choire, agus thubhairt i nach pòsadh is’ am feasda ach fear a sheasadh cho fada rithe-se anns a’ choire uisge. Dh’ fhalbh an rìgh agus leum e anns a’ choire còmhla rithe, agus chaidh a losgadh gu bàs. Smuainich Iain air an t-seann duine liath, agus thàinig e, is dh’ innis Iain dha mar a rinn a’ bhain-tighearna leis na trì botuil, mar a leum i anns a’ choire, agus [TD 203] [Beurla] [TD 204] mar a leum an rìgh, agus gu’n deachaidh a losgadh. “Falbh thusa,” ars’ an seann duine liath, “agus nigh thu-fhéin leis an dà bhotul: tha e cho math ’s ged bhiodh trì agad; agus théid thu stigh far am bheil i, agus their thu rithe ma phòsas i thusa gu’n gu’n seas thu cho fada rithe fhéin ’s a’ choire.” Nigh e e-fhéin, ’s chaidh e stigh far an robh i, agus thubhairt e rithe, “Ma phòsas tu mise leumaidh mi ’s a’ choire còmhla riut.” “Posaidh,” thubhairt ise; agus thug e leum a-stigh do ’n choire, ’s chuir e dhà làimh mu ’tiomchioll, ’s thòisich e air a pògadh. “’S tusa ’n duin’ agam-sa a-nis,” ars’ ise. Thàinig iad a-mach a sin, ’s chuir iad orr’ an eudach, agus phòs iad; agus fhuair esan a bhi ’n a rìgh an sin an àite an fhir eile. Dh’ fhàg am bodach beannachd aige, agus thubhairt e ris, “Rinn mise dhuit a-nis an rud a gheall mi dhuit: rinn mi duine fortanach dhiot.” Mar do shiubhail iad uaithe sin tha iad beò fhathast. [TD 205] [Beurla] [TD 206] VII. COISE CÉIN. BHA còig ceud dall ann, agus còig ceud bodar, agus còig ceud bacach, agus còig ceud balbhan, agus còig ceud cripleach. Bha còig ceud bean aig a’ chòig ceud bodar, is còig ceud bean aig a’ chòig ceud bacach, is còig ceud bean aig a’ chòig ceud balbhan, is còig ceud bean aig a’ chòig ceud cripleach. Bha còig ceud leanabh aig a h-uile còig ceud dhiubh sin, is còig ceud cù aig a h-uile còig ceud dhiubh sin. Bha iad sin a’ falbh ’n an aon chòmhlan còmhla. Theireadh iad a’ Chliath-sheanachair riù so. Cha ’n ’eil àite ’s an tugadh iad bliadhna nach tugadh iad gort sheachd bliadhn’ ann. Bha ridir ann an Eirinn ris an abradh iad O Croiniceard; agus thug iad là ’s bliadhn’ aige, is dh’ ith iad suas gach ni ’bh’ aige; rinn iad duine bochd dheth. Bha rìgh ann an Eirinn ris an abradh iad Brian Bòrr; agus chaidh O Croiniceard far an robh Brian a dh’ iarraidh cuideachaidh ’air. ’N uair a ràinig e chaidh e air a dhà ghlùin do ’n rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, “Gu ’d é do naigheachd, O Croiniceard?” [TD 207] [Beurla] [TD 208] “Cha ’n ’eil ach naigheachd bhochd agam fhéin dhuibh, a rìgh,” ars’ esan. “’D é ’n naigheachd bhochd a th’ agad?” ars’ an rìgh. “Tha gu bheil a’ Chliath-sheanachair agam o chionn là ’s bhadhna, is dh’ ith iad a h-uile ni ’bh’ agam, is rinn iad duine bochd dhiom,” ars’ esan. “Mata, tha mi duilich air do shon,” ars’ an rìgh. “Gu ’d é ’tha ’dhìth ort?” “Tha mi ’g iarraidh cuideachaidh,” ars esan; “rud sam bith a bheir sibh dhomh le ’r toil mhath fhéin.” Gheall an rìgh dhà ceud mart. Ràinig e ’bhàruinn, ’s rinn e gearan rithe, ’s fhuair e ceud eile uaipe-se. Dh’ fhalbh e ’n sin, agus ràinig e mac an rìgh, Murachadh Mac Bhrian, agus fhuair e ceud eile uaithe-san. Fhuair e biadh is deoch aig an rìgh; agus ’n uair a bha e ’fhalbh, thubhairt O Croiniceard, “A-nis tha mi anabarrach fada ’n ur comain. Ni so a suas mi glé mhath air mo chasan. An déigh a h-uile rud a fhuair mi tha aon ni eile ’dhìth orm.” “’D é ’tha sin?” thubhairt an rìgh. “Na ’m biodh gunna agam,” ars’ O Croiniceard, “agus an tigh mhial-choin ud an sud, agus fàlaire air am marcaichinn dhachaidh bhithinn toilichte.” [TD 209] [Beurla] [TD 210] “Ha!” ars’ an rìgh, “’s e ’mheud-mhòir agus an spòrs a thug dhuit do chuid a chall; ach ma ni thu duine math gheibh thu sin còmhla ris a’ chòrr.” Dh’ fhàg O Croiniceard beannachd aig an rìgh, agus dh’ fhalbh e le ’ghunna, ’s le ’choin, ’s le ’fhàlaire. ’N uair a bha e ’marcachd air an rathad a’ dol dhachaidh thachair maigheach air, agus chuir e urchair ’s a’ ghunna airson a’ mhaigheach a mharbhadh. ’N uair a chuir e ’n gunna ri ’shùil chunnaic e ’n a boirionnach i, agus ’n uair a leig e ’n gunna sìos bha i ’n a maighich mar bha i roimhid. Dh’ fhalbh e ’n so, agus leig e na coin rithe, agus shìn na coin orra. ’N uair a chunnaic ise gu’n robh a’ choltas air na coin breith orra leum i suas air cùlaobh O Croiniceard, agus dh’ fhàs i ’n a boirionnach cho briagh ’s a chunnaic e riamh. Thubhairt ise ri O Croiniceard, “Caisg do choin uam-sa.” “Ma gheallas tu gu’m pòs thu mise,” ars’ esan. Thubhairt ise, “Ma chumas tu trì bòidean a chuireas mis’ ort pòsaidh mi thu.” “’D é,” thubhairt esan, “na bòidean a th’ ann?” “’S e cheud bhòid,” ars’ ise, “nach téid thu ’dh’ iarraidh do rìgh saoghalta gu cuirm no dìnneir gun innseadh dhomh-s’ an toiseach.” [TD 211] [Beurla] [TD 212] “Hoch!” ars’ O Croiniceard, “am bheil thu ’smuaineachadh nach urrainn domh-s’ a’ bhòid sin a ghleidheadh? Cha rachainn-sa gu bràth a dh’ iarraidh mo rìgh saoghalta gun fhios a thoirt duit-sa gu’m bithinn a’ dol ann. Tha i furasda gu leòir a’ bhòid sin a chumail.” “’S docha gu’n gleidh thu i!” ars’ ise. “’S i ’n dàrna bòid,” ars’ ise, “nach tilg thu orm ann an cuideachd no ’n còmhdhail air bith ’am bi thu-fhéin is mise còmhla gur h-ann an riochd maighich a fhuair thu mi.” “Hu!” ars’ O Croiniceard, “cha ruigeadh tu leas i sin a chur orm; ghleidhinn i sin co dhiubh.” “Is docha gu’n gleidh thu i!” ars’ ise. “’S i ’n treas bòid a tha mi ’dol à chur ort,” ars’ ise, “nach fhàg thu ann an tigh mi an cuideachd aon duine, agus thusa ’dhol a-mach.” Bha ’n gnothuch air a chòrdadh eatorra gu’m pòsadh i e. Ràinig iad dhachaidh gu tigh O Croiniceard. Anns na h-amanan ud cha robh ach tighean glé bheag aca. Phòs e-fhéin ’s am boirionnach an déigh dol dhachaidh. Anns a’ mhaduinn an là ’r na mhàireach ’n uair a dhùisg e ’s a sheall e null ’s a nall cha ’n fhac e riamh seòmar cho briagh ris. Thubhairt e r’ a mhnaoi, “Gu ’d é ’n t-àite ’s am bheil mi mar so?” [TD 213] [Beurla] [TD 214] “Tha mi cinnteach,” ars’ ise, “gu bheil thu ’gabhail iongantais.” “Tha gu dearbh,” ars’ esan. “Tha thu,” ars’ ise, “ann ad sheòmar fhéin.” “’Am sheòmar fhéin!” ars’ esan; “cha robh a leithid so de sheòmar agam-sa riamh.” “Tha fhios agam gu math nach robh,” ars’ ise; “ach tha e agad a-nis. Fhad ’s ghleidhas tu mise gleidhidh tu ’n seòmar.” “Dh’ éirich e ’n so, ’s chuir e uime ’aodach, ’s chaidh e ’mach. Thug e sùil air an tigh ’n uair a chaidh e ’mach, agus bha pailis aige ann an sin nach fhac e riamh a leithid, agus nach robh a leithid aig an rìgh fhéin. Ghabh e ’n sin sràid a-mach mu ’n cuairt a’ bhaile, ’s bha de chrodh ’s de chaoraich, ’s de dh’ eich nach fhac e riamh a leithid; agus thill e stigh, agus thubhairt e rithe gu’n robh am baile aige air a sgrios le crodh ’s le caoraich dhaoin’ eile. “Cha ’n ’eil,” ars’ ise, “ach tha do chrodh fhéin ’s do chaoraich ann.” “Cha ’n ’eil,” ars’ esan; “cha robh a leithid agam-sa riamh.” “Tha fhios agam air a sin,” ars’ ise; “ach fhad ’s a ghleidheas tu mise gleidhidh tu sid. Cha ’n ’eil bean mhath sam bith nach tig a tochar as a déigh.” Dh’ fhàs e ’n so cho cothromach ’s cho beart- [TD 215] [Beurla] [TD 216] ach. Bha òr is airgiòd aige cho math ri crodh is caoraich. Bhiodh e ’n so a’ falbh le ’ghunna ’s le ’choin a’ sealgaireachd a h-uile là ’n a dhuine mòr. Là de na làithean smuainich e gu’n rachadh e ’thoirt cuireadh do rìgh Eirinn gu dìnneir agus cha d’ innis e dhi-se gu’n robh e ’dol ann. Bha ’n so a’ cheud bhòid aige air a bristeadh. Shìn e as, agus ràinig e rìgh Eirinn, agus thug e cuireadh dha fhéin ’s g’ a mhòr-lùchairt gu dìnneir. Thubhairt rìgh Eirinn ris, “Am bheil thu brath an crodh a gheall sinn-ne dhuit a thoirt leat?” “U! cha ’n ’eil, a rìgh Eirinn,” ars’ O Croiniceard; “dh’ fhaodainn-sa ’uiread a thoirt dhuibh-sa an diugh.” “Ah!” ars’ an rìgh, “nach tu ’thàinig air t-aghaidh on a chunnaic mise roimhe thu!” “Thàinig mi air m’ aghaidh,” ars’ O Croiniceard; “fhuair mi bean bheartach aig am bheil gu leòir de dh’ òr ’s de dh’ airgiod, de chrodh ’s de chaoraich.” “Tha mi toilichte dheth sin,” arsa rìgh Eirinn. Thubhairt O Croiniceard, “Bithidh mise fada ’n ur comain ma dh’ fhalbhas sibh leam gu dìnneir, sibh-fhéin ’s ur mòr-lùchairt.” “Falbhaidh,” ars’ an rìgh, “falbhaidh sinn gu toilichte leat.” Dh’ fhalbh iad còmhla ris an là sin fhéin. [TD 217] [Beurla] [TD 218] Cha robh guth aig O Croiniceard cia-mar a bhiodh dìnneir air a cur an òrdugh airson rìgh Eirinn gun fhios d’ a mhnaoi. ’N uair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh, agus a ràinig iad far an do choinnich a’ mhaigheach e chuimhnich e gu’n robh a’ bhòid aig’ air a bristeadh, agus thubhairt e ri rìgh Eirinn, “Gabh mo leusgeul; tha mise ’dol a dh’ fhalbh air thoiseach a dh’ ionnsuidh an tighe a dh’ innseadh gu bheil sibh a’ tighinn.” Thubhairt an rìgh, “Cuiridh sinn fear de na gillean air falbh.” “Cha chuir,” ars’ O Croiniceard; “cha dean gill’ air bith an gnothuch coltach rium-fhéin.” Dh’ fhalbh e, ’s ràinig e ’n tigh, agus ’n uair a ràinig e bha ise gu dichiollach a’ cur an òrdugh na dìnnearach, agus dh’ iarr e maitheanas orra, agas dh’ innis e mar a rinn e. “Tha mise ’toirt maitheanais dhuit an uair so: tha fhios agam gu ’d é ’rinn thu cho math riut fhéin. Tha ’cheud bhòid agad air a bristeadh,” ars’ ise. Thàinig an rìgh ’s a mhòr-lùchairt a dh’ ionnsuidh tigh O Croiniceard, ’s bha ’h-uile ni deas aice-se air an son a fhreagradh do rìgh ’s do dhaoine mòra, a h-uile seòrsa dibhe is béidh. Thug iad a dhà no trì de làithean ’s de dh’ oichean aig an dìnneir, ag itheadh ’s ag òl. Bha iad a’ moladh na dìnnearach gu h-anabarrach, [TD 219] [Beurla] [TD 220] agus bha O Croiniceard e-fhéin ’g a moladh; ach cha robh a bhean ’g à moladh idir. Bha e ’cur corruich air O Croiniceard nach robh ise ’moladh na dìnnearach, ’s chaidh e far an robh i, ’s bhuail e ’n dòrn orra mu’n bheul, ’s thilg e dithis de na fiaclan aiste. Carson nach ’eil thusa ’moladh na dìnnearach coltach ri daoin’ eile, a bhiast mhaighich,” ars’ esan. “Cha ’n eil,” ars’ ise; “chunnaic mi aig na coin mhòr’ aig m’ athair dìnneir a b’ fheàrr na tha thusa ’toirt do rìgh Eirinn ’s a lùchairt a nochd.” Dh’ fhalbh O Croiniceard, agus leis an àrdan a ghabh e chaidh e taobh a-mach an doruis. Cha robh e fada ’n a sheasamh an sin ’n uair thàinig fear a’ marcachd air each dubh, agus anns an dol seachad rug e air coileir a chòta, agus thug e leis e suas air a chùlaobh, is dh’ fhalbh iad. Cha dubhairt e facal bruidhne ris. Bha ’n t-each a’ falbh le luathas cho anabarrach ’s gu’n do shaoil e gu’n tilgeadh a’ ghaoth an ceann deth. Ràinig iad pailis mhòr, mhòr, agus thàinig iad a nuas bhàrr an eich dhuibh. Thàinig gille-stàbuill a-mach, is rug e air an each dhubh, is thug e stigh e. ’S ann le fìon a bha e ’glanadh casan an eich. Thubhairt marcaich an eich dhuibh ri O Croiniceard, “Feuch am fìon dh’ fheuch an e ’s fheàrr na’m fìon a tha thusa ’toirt do Brian Bòrr ’s d’ a lùchairt a nochd.” [TD 221] [Beurla] [TD 222] Dh’ fheuch O Croiniceard am fìon. “’S e so fìon a’s fheàrr,” ars’ O Croiniceard. Thubhairt marcaich an eich dhuibh, “Nach b’ eucoireach an dòrn a chianamh! A’ ghaoth a chuir thusa a d’ dhòrn ghiùlain i an dà fhiacaill am ionnsuidh-sa.” Thug e ’n sin leis e a-stigh do ’n tigh mhòr, bhriagh urramach sin agus do sheòmar a bha làn uaislean ag òl ’s ag itheadh an sin, agus chuir e ’n a shuidhe e aig ceann-toisich a’ bhùird, agus thug e dha fìon r’ a òl, agus thubhairt e ris, “Feuch am fìon sin dh’ fheuch am bheil e na’s fheàrr na’m fìon a tha thusa ’toirt do rìgh Eirinn ’s ’d a luchairt a nochd.” “’S e so fìon a’s fheàrr,” thubhairt O Croiniceard. “Nach b’ eucoireach an dòrn a chianamh!” arsa marcaich an eich dhuibh. Ghabh O Croiniceard a dhìnneir còmhla riù an sin. Bha ceòl ’g a chur mu’n cuairt a’ bhùird, o fhear gu fear dh’ fheuch co b’ fheàrr a sheinneadh e. “Feuch thusa so, O Croiniceard, dh’ fheuch cia-mar a sheinneas tu e,” arsa marcaich an eich dhuibh. Thubhairt O Croiniceard, “Cha do sheinn mise a leithid sin de cheòl riamh.” Sheinn O Croiniceard an ceòl, ’s cha robh gin diubh a b’ fheàrr a sheinneadh e na e. [TD 223] [Beurla] [TD 224] Thubhairt marcaich an eich dhuibh ri O Croiniceard, “Nach b’ eucoireach an dòrn a chianamh!” ’N uair a bha crìoch air a h-uile ni thubhairt marcaich an eich dhuibh, “Am bheil thu toileach tilleadh dhachaidh a-nis?” “Tha mi,” ars’ O Croiniceard, “glé thoileach.” Dh’ éirich iad an sin, ’s chaidh iad gu ruig an stàbull, ’s chaidh an t-each dubh a thoirt a-mach, is leum iad air a mhuin is dh’ fhalbh iad. Thubhairt marcaich an eich dhuibh ri O Croiniceard an déigh dhoibh falbh, “Am bheil fhios agad co mise?” “Cha ’n ’eil,” thubhairt O Croiniceard. “’S mise bràthair-céile dhuit,” arsa marcaich an eich dhuibh; “agus ged a tha mo phiuthar-sa pòsda riut cha bu choimpire i do rìgh no ridir an Eirinn. Tha dà bhòid agad briste a-nis, agus ma bhristeas tu ’n té eile caillidh tu do bhean is caillidh tu a h-uile ni a th’ agad.” Ràinig iad tigh O Croiniceard, agus thubhairt O Croiniceard, “Tha nàir’ orm dol a-stigh, ’s gun fhios aca c’ àit an robh mi o’n thàinig an oidhche.” “Hu!” ars’ am marcaich, “cha d’ ionndrainn iad idir a-mach thu; tha de ghreadhnachas aca nach d’ thug iad umhail gu’n robh thu taobh sam bith. So an dà fhiacaill a chuir thu a [TD 225] [Beurla] [TD 226] dorus a’ bheòil, agus cuir ’n an àite iad, agus bithidh iad cho làidir ’s a bha iad roimhid.” “Tiugainn a-stigh còmhla rium,” ars’ O Croiniceard ri marcaich an eich dhuibh. “Cha téid,” arsa marcaich an eich dhuibh; “cha ’n fhiach leam-sa dol a-stigh.” Dh’ fhàg marcaich an eich dhuibh oidhche mhath aig O Croiniceard, is dh’ fhalbh e. Chaidh esan a-stigh, agus thachair a bhean air, ’s i trang a’ freasdal do na h-uaislean. Dh’ iarr e maitheanas orra: chuir e ’n dà fhiacaill an dorus a beòil, ’s bha iad cho làidir ’s a bha iad roimhid. Thubhairt ise, “Tha dà bhòid agad briste a-nis.” Cha d’ thug duine sùil air ’n uair a chaidh e stigh, ’s cha dubhairt duine, “’C’ àit an robh thu?” Thug iad an oidhche ’g òl ’s ag itheadh, agus fad an là ’r na mhàireach. Feasgar thubhairt an rìgh, “Tha mi ’smuaineachadh gu bheil an t-àm againn a bhi ’falbh”; agus thubhairt a h-uile aon gu’n robh; agus thubhairt O Croiniceard, “Cha ’n fhalbh sibh a nochd; tha mise ’dol a chur suas bàl dannsaidh; falbhaidh sibh àm màireach.” “Leig air falbh iad,” ars’ ise. “Cha leig,” ars’ esan. An oidhche so chaidh am bàl dannsaidh a chur suas. Bha iad a’ cluich air an aghaidh an sin le dannsadh is ceòl gus an d’ fhàs iad blàth, [TD 227] [Beurla] [TD 228] teth le fallus. Bha aon is aon a’ dol a-mach g’ am fionnarachadh fhéin taobh an tighe. Chaidh iad a-mach uile ach O Croiniceard ’s a bhean, agus fear ris an abradh iad Geur-mac-ul-Uaimh. Dh’ fhalbh O Croiniceard a-mach e-fhéin, agus dh’ fhàg e ’bhean agus Geur-mac-ul-Uaimh a-stigh. Dh’ éirich Geur-mac-ul-Uaimh, agus dhùin e ’n dorus, agus thubhairt e rithe, “Nach briagh leam fhéin gu’m pòsadh do leithid de bhoirionnach briagh duine suarach, leibideach coltach ri O Croiniceard!” “Tha O Croiniceard cho math riut-sa,” ars’ ise. “Cha ’n ’eil,” ars’ esan. “Nach bu mhòr an onoir ’s an cliù dhuit e ’bhi pòsd’ aig brathair-céile do ’n rìgh!” “Cha b’ fheadh,” ars’ ise; “cha bhiodh e ’n a onoir mhòir sam bith dhomh.” “’S ann is fheàrr dhuit ’fhàgail uile, agus pòsaidh tu-fhéin ’s mi-fhéin,” ars’ esan. “Cha ghabhainn-sa fear sam bith a roghainn air fhéin,” ars’ ise. Dh’ éirich esan an sin, agus rug e orra, agus bha e ’dol a bhi tuilleadh a’s dàn orra, agus dh’ fhalbh ise, agus thug i ’n leum ud feadh an t-seòmair, agus dh’ fhàs i ’n a loth mhòr chapuill, agus bhuail i breab d’ a cois air, agus bhris i ’shliasaid ’n a dà leth. Thug i ’n ath leum [TD 229] [Beurla] [TD 230] aiste, agus spealg i ’n dorus’ agus dh’ fhalbh i, ’s cha d’ fhuair iad an ath shealladh dhi. Thàinig an là ’n là ’r na mhàireach, ’s cha robh aig O Croiniceard truagh ach an seann tigh a bh’ aige roimhid ri ’fhaicinn. Cha robh crodh no caoraich ri ’fhaicinn no ni de na gnothaichean briagha a bh’ aige roimhid. Bha fear a’ dùsgadh ’s a’ mhaduinn aig taobh pris, is fear aig taobh ghàrainean, is feadhainn aig taobh dhìgean; ach gu’n robh an onoir aig an rìgh gu’n robh am bothan beag a bh’ aig O Croiniceard roimhid os a cheann. Dh’ aithnich an rìgh gu’n deachaidh fearg a chur air bean O Croiniceard, agus thòisich e air fiosrachadh a-mach co ’rinn e. Dh iarr iad shìos is dh’ iarr iad shuas na daoine dh’ fheuch am faigheadh e ’mach co ’rinn e. Fhuair iad a h-uile h-aon diubh ach Geur-mac-ul-Uaimh; agus chuir an rìgh bòidean air fhéin a h-aon sam bith a gheibheadh e ’mach a rinn an ni so air bean O Croiniceard gu’n rachadh a chur gu bàs a-mach o ’h-aon d’ a theaghlach fhéin. Fhuair iad Geur-mac-ul-Uaimh tarsuing air féath mhòr, ’s a shliasaid briste, ’s gun e bhi ’n a urrainn a fàgail. Thubhairt an rìgh ris, “An tus’ a chuir mi-thlachd air bean O Croiniceard?” “Cha ’n fhaod mi ’ràdhainn nach mi,” ars’ esan. [TD 231] [Beurla] [TD 232] Dh’ innis an rìgh an so mar a bhòidich e gu’n cuireadh e gu bàs a h-aon air bith a gheibheadh e ’mach a rinn e ’mach o ’theaghlach fhéin. “’S e ’ni mi ort-sa nis,” ars an rìgh, “cuiridh mi do dh’ eilean thu, agus théid tigh a thogail dhuit ann an sin, agus gheibh thu de bhiadh na chumas fad mìos thu, agus ’n uair a theirgeas sin cha bhi agad ach a bhi ’faotuinn béidh mar is fheàrr a dh’ fhaodas tu, neo bàsachadh.” Chaidh Geur-mac-ul-Uaimh a thogail air falbh an sin ’s a chur do ’n eilean, ’s chaidh bothan a thogail dha, agus biadh a thoirt da a chumadh fad mìos e, agus dà lorg air am biodh e ’dol a-mach ’s a-stigh mar thogradh e. Mu dheireadh theirig ’am biadh ’air, agus bha e falamh gun nì. Bhiodh e ’dol a sìos do ’n chladach, ’s a’ trusadh maoraich, ’s ’g a itheadh. Là de na làithean ’s e anns an tràigh chunnaic e fear mòr, mòr a’ tighinn air tìr air an eilean, agus chitheadh e ’n talamh ’s an t-adhar eadar a dhà chois. Dh’ fhalbh esan leis na lorgan, dh’ fheuch am faigheadh e stigh do ’n bhothan mu’n tigeadh e ’air. ’Dh’ aon rud ’s g’ an d’ rinn e bha ’m fear mòr eadar e ’s an dorus; ’s thubhairt am fear mòr ris, “Mur meall thu ann am aithne mhath mi ’s tu Geur-mac-ul-Uaimh.” Thubhairt Geur-mac-ul-Uaimh, “Cha do [TD 233] [Beurla] [TD 234] mheall mise duine no aithne mhath riamh: ’s mi ’cheart duine.” Thubhairt am fear mòr ris, “Sìn thusa ’mach do choise Céin ’s gu’n cuir mise bile lusan is leighas rithe; tinnean is gnothaichean, agus e mar éigeantas orm dol a dh’ éisdeachd éibhneis do dh’ eaglais mhòir na Roimhe am màireach.” Thubhairt Geur-mac-ul-Uaimh, “Cha shìn mise ’mach mo choise Céin a chur bile lusan no leighis rithe gus an innis thusa dhomh-sa gu ’d é ’chuir nach robh eaglais agaibh fhéin ann an Lochlann gun a bhi ’dol a dh’ éisdeachd éibhneis a dh’ eaglais mhòir na Roimhe am màireach. Mur meall thu ann am aithne mhath mi ’s tu Macan-an-athar, mac rìgh Lochlainn.” Thubhairt am fear mòr, “Cha do mheall mi duine no aithne mhath riamh; ’s mi ’cheart duine. Tha mi nis ’dol a dh’ innseadh dhuit carson nach ’eil eaglais againn an Lochlann. Thàinig seanar chlachairean a thogail eaglais, agus bha iad-fhéin is m’ athair a’ deanamh bargain mu thogail na h-eaglais, agus ’s e ’m bargan a bha iad ag iarraidh gu’n rachadh mo mhàthair ’s mo phiuthar a dh’ fhaicinn na h-eaglais ’s an taobh a-stigh dhi ’n uair a bhiodh i réidh; agus bha ’n nì so ro thaitneach le m’ athair gu’m faigheadh e ’n eaglais a chur suas cho saor a’s so. Chòrd iad [TD 235] [Beurla] [TD 236] uime sin; agus anns a’ mhaduinn chaidh na clachairean a dh’ ionnsuidh an àite ’s an robh i ri bhi air a togail. Chomharaich m’ athair a-mach dhoibh an t-àite airson stéigh na h-eaglais. Thòisich iad anns a’ mhaduinn orra, agus mu’n d’ thàinig feasgar an là sin fhéin bha ’n eaglais a suas. ’N uair a bha ’n eaglais a suas dh’ iarr iad mo mhàthair agus mo phiuthar a dhol a-stigh a dh’ fhaicinn broinn na h-eaglais; agus cho luath ’s a chaidh iad a-stigh chaidh na dorsan a dhùnadh, agus dh’fhalbh an eaglais ’n a baidean ceò ’s na speuran. Sìn thusa ’mach do choise Céin ’s gu’n cuir mise bile lusan is leigheas rithe; tinnean is gnothaichean, ’s e mar éigeantas orm dol a dh’ éisdeachd éibhneis a dh’ eaglais mhòir na Roimhe am màireach.” Thubhairt Geur-mac-ul-Uaimh, “Cha shìn mise ’mach mo choise Céin a chur bile lusan no leighis rithe gus an innis thusa dhomh-sa an d’ fhuair sibh forfhais air do mhàthair ’s air do phiuthair cia-mar a dh’ éirich dhoibh.” “Ah!” ars’ am fear mòr, “tha ’n rosad ort; tha ’n sgeul sin fada r’ a h-innseadh; ach innsidh mi dhuit ùr-sgeul beag air. Bha mise air falbh an là sin a bha iad ag obair air an eaglais ’s a’ bheinn shìne is sheilg; agus ’n uair a thàinig mi dhachaidh feasgar dh’ innis mo bhràthair dhomh cia-mar a dh’ éirich a-mach, [TD 237] [Beurla] [TD 238] gu’n d’ fhalbh mo mhàthair ’s mo phiuthar leis an eaglais ’n a baidean ceò. Dh’ fhàs mi cho crosda ’s cho feargach ’s gu’n do chuir mi romham gu’n sgriosainn an saoghal gus am faighinn a-mach c’ àit an robh mo phiuthar ’s mo mhàthair; agus thubhairt mo bhràthair rium nach robh annam ach duine gòrach smuaineachadh air a leithid; ‘ach innsidh mi dhuit,’ ars’ esan, ‘’d é ’ni thu. Falbaidh tu agus feuchaidh tu am faigh thu ’mach c’ àit am bheil iad an toiseach. ’N uair a gheibh thu ’mach c’ àit am bheil iad iarraidh tu le sìth iad, agus mur faigh thu le sìth iad théid thu ’chogadh air an son.’ “Dh’fhalbh mi’n sin, agus ghabh mi comhairle mo bhràthar, agus chuir mi long an òrdugh gu falbh, agus dh’ fhalbh mi; agus cha robh agam ach mi-fhéin ’s an luing, agus ghlac mi ’n cuan. Thàinig ceò mòr orm an sin; agus thàinig mi air eilean; agus bha fuathas de loingis air acair aig an eilean sin; is ghabh mi stigh ’n am meadhon, agus chaidh mi air tìr, agus chunnaic mi boirionnach mòr, mòr an sin, agus i ’buain luachrach; agus ’n uair a thogadh i ’ceann thilgeadh i ’cìoch dheas thar a guaille, agus ’n uair a chromadh i thuiteadh i sìos eadar a casan. Uair de na h-uairean thàinig mi air cùlaobh na cailliche, agus rug mi air ceann na cìche le m’ bheul, agus thubhairt mi rithe, “Fhianuis ort [TD 239] [Beurla] [TD 240] fhéin, a bhean, gur mise dalta do chiche deise.’ ‘Tha mi ’faicinn sin, a shaoidh mhòir,’ ars’ a’ chailleach; ach ’s e mo chomhairle dhuit a bhi ’fàgail an eilein so cho luath ’s is urrainn duit.’ ‘’Carson so?’ arsa mise. ‘Tha famhair mòr,’ thubhairt ise, ‘anns an uaimh so shuas. Cha ’n ’eil long a chì thu ’n sin nach tug e stigh as a’ chuan le ’anail; agus dh’ ith is mharbh e na daoìne. Tha e ’n a chadal an ceart uair, agus ma dhùisgeas e bithidh tus’ aige air a cheart dòigh. Tha còmhladh mhòr iaruinn agus còmhladh dharaich air an uaimh; agus ’n uair a thairngeas am famhair ris ’anail tha na còmhlaidhean a’ fosgladh, agus ’n uair a chuireas e ’mach ’anail tha na còmhlaidhean a’ dùnadh; agus bithidh iad cho teann dhùinte a ’s ged bhiodh seachd croinn, agus seachd druill, agus seachd glasan orra. Cha chuireadh seachd geamhlagan iaruinn a-stigh air an ais iad leis cho teann dhùinte ’s a bhiodh iad.’ Thubhairt mi-fhéin ris a’ chaillich, “Am bheil dòigh sam bith air cur as da?’ ‘Innsidh mise dhuit,’ ars’ a’ chailleach, ‘gu ’d é ’n dòigh air an gabh e deanamh. Tha arm aige os ceann an doruis ris an abair iad an t-sleagh gheàrr; agus ma théid agad air a cheann a chur dheth air a’ cheud bhuille ’s math, ach mur téid bithidh a’ chùis na’s miosa na bha i ’n toiseach.’ [TD 241] [Beurla] [TD 242] “Dh’ fhalbh mi, agus ràinig mi dorus na h-uamha, agus dh’ fhosgail an dà chòmhladh an sin, agus shlaod ’anail a-stigh mise do ’n uaimh, agus cha robh nì a bha stigh ’s an uaimh de dh’ fhurm, de chathair no ’phoit nach robh a’ bualadh a chéile le anail an fhamhair, ’s iad an impis mo chasan-sa ’bhristeadh. Dhùin an dorus ’n uair a chaidh mise stigh, agus bha e cho dùinte ’s ged bhiodh seachd croinn, agus seachd druill, agus seachd glasan ’air; agus cha chuireadh seachd geamhlagan a-stigh air ’ais e; agus bha mis’ ’am phrìosanach a-stigh. Tharruing am famhair air ais ’anail a ris, agus dh’ fhosgail na comhlaidhean; agus thug mi sùil gu h-àrd, agus chunnaic mi ’n t-sleagh gheàrr, agus rinn mi greim orra, agus do làmh an am làimh-sa ’s do dhà làimh ’g a shaoradh tharruing mise ’n t-sleagh gheàrr, agus cha dh’ fhàg i fuigheall a beuma: thilg mi ’n ceann deth. Thug mi ’n ceann a sìos a dh’ ionnsuidh na cailliche mòire ’bha ’buain na luachrach, agus thubhairt mi rithe, ‘Sin agad ceann an fhamhair mhòir.’ Thubhairt a’ chailleach, ‘A dhuin’ fhoghaintich, dh’ athnich mi gu’m bu ghaisgeach thu; agus tha feum aig an eilean so air thus’ a thighinn ann an diugh. Mur meall thu ann am aithne mi ’s tu Macan-an-athar, mac rìgh Lochlainn.’ ‘Cha do meall mi duine no aithne mhath [TD 243] [Beurla] [TD 244] riamh; ’s mi ’cheart duine,’ arsa mise. ‘’S ban-fhiosaiche mise,’ ars’ ise, ‘agus tha fios agam air ceann do sheid ’s do shiubhail. Tha thu ’dol a dh’ iarraidh do mhàthar ’s do pheathar.’ ‘Mata,’ arsa mi-fhéin, ‘tha mi cho fada ’s so air an t-slighe na ’m biodh fhios agam c’ àit an rachainn air an tòir.’ ‘Innsidh mise dhuit c’ àit am bheil iad. Tha iad ann an rìoghachd na Skéithe Deirge; agus tha rìgh na Sgéithe Deirge ’cur roimhe do màthair a phòsadh, agus tha ’mhac a’ cur roimhe do phiuthar a phòsadh. Innsidh mi dhiut mar a tha ’m bail’ air shuidheachadh. Tha canal mu’n cuairt a’ bhaile anns am bheil a leithid so de leud, agus tha drochaid-thogalach air a’ chanal, agus tha té de na beathraichean mòra ’dìon na drochaide ’s an là, agus cha ’n fhaigh duine stigh nach marbh i. ’N uair a thig an oidhche tha ’n drochaid air a’ togail, agus tha ’bheithir a’ cadal. Tha balla mòr mu’n cuairt pailis an rìgh anns am bheil àirde mhòr, mhòr.’ Sìn thusa ’mach do choise Céin ’s gu’n cuir mise bile lusan is leigheas rithe; tinnean is gnothaichean, agus e mar éigeantas orm dol a dh’ éisdeachd éibhneis na Roimhe am màireach.” “Ma ’s a coise Céin i no ma ’s cois ’n a dhéigh i,” arsa Geur-mac-ul-Uaimh, “cha shìn mise ’mach mo choise Céin a chur bile lusan no [TD 245] [Beurla] [TD 246] leighis rithe gus an innis thusa dhomh-sa an deach thu na b’ fhaid’ air tòir do mhàthar ’s do pheathar no ’n do thill thu dhachaidh no cia-mar a dh’ éirich dhuit.” “Ah!” ars’ am fear mòr, “tha ’n rosad ort; tha ’n sgeul sin fada r’ a h-innseadh, ach innsidh mi dhuit ùr-sgeul beag eile. Dh’ fhalbh mi ’n sin, agus ràinig mi baile mòr na Sgéithe Deirge, agus bha canal mu ’n cuairt a’ bhaile, mar a dh’ innis a’ chailleach mhòr dhomh, agus bha drochaid-thogalach air a’ chanal, agus bha ’n oidhche ann ’n uair a ràinig mi, agus bha ’n drochaid togte, agus bha ’bheithir ’n a cadal, agus thomhais mi dà throidh air mo bheulaobh agus troidh air mo chùlaobh de ’n ghrunnd air an robh mi am sheasamh, agus leum mi air bàrr mo shleagha ’s air ceanna m’ òrdag, agus thàinig mi far an robh a’ bheithir ’s i ’n a cadal, agus tharruing mi ’n t-sleagh gheàrr, agus mo làmh ann ad làimh-sa agus mo dhà làimh ’g a saoradh bhuail mise ’bheithir ann an cùl a cinn, agus cha d’ fhàg an t-sleagh fuigheall a beuma. Thog mi ’n ceann, agus chroch mi suas ri aon de phostaichean na drochaid’ e. Dh’ fhalbh mi ’n sin, agus ràinig mi ’n balla ’bha mu’n cuairt pailis an rìgh. Bha ’m balla cho àrd ’s nach robh e furasda dhomh a leum, is thòisich mi leis an t-sleagh gheàrr, is tholl mi troimh ’n bhala [TD 247] [Beurla] [TD 248] gus an d’ fhuair mi stigh. Ràinig mi dorus na pailis, agus bhuail mi aig an dorus, agus ghlaodh dorsair, ‘Co ’tha ’n sid?’ ‘Mise,’ arsa mise. Dh’ aithnich mo mhàthair agus mo phiuthar mo bhruidhinn, is ghlaodh mo mhàthair, ‘O! ’s e mo mhac a th’ ann: leig a-stigh e.’ Fhuair mi ’n sin a-stigh, agus dh’ éirich iad am choinneamh le sùlas mòr. Fhuair mi gabhail agam le biadh ’s le deoch ’s mo leaba gus an d’ thàinig a’ mhaduinn. Chaidh an sin a’ bhraiceas a chur an òrdugh air ar beulaobh; agus an déigh na braiceas thubhairt mi ri m’ phiuthair ’s ri m’ mhàthair gu’m b’ fhearra dhoibh cur orra, agus gu’m falbhadh iad còmhla rium dhachaidh. Thubhairt rìgh na Sgéithe Deirge, ‘Cha ’n ann mar sin a bhios ach mar so. Tha mise ’cur romham do mhàthair a phòsadh, agus mo mhac a’ cur roimhe do phiuthar a phòsadh.’ ‘Cha ’n ann mar sin a bhios,’ thubhairt mi-fhéin, ‘ach ma tha toil agaibh sin a dheanamh falbhaibh còmhla rium-sa ’dh’ ionnsuidh mo dhachaidh, agus gheibh sibh an sin iad.’ Thubhairt rìgh na Sgéithe Deirge, ‘Mar sin biodh e mata.’ “Dh’ fhalbh sinn an sin, agus ràinig sinn far an robh an long agam, agus chaidh sinn air bòrd orra, agus sheòl sinn gu tilleadh dhachaidh; agus bha sinn a’ dol seachad air àite far an robh [TD 249] [Beurla] [TD 250] blàr mòr ’g a chur, agus dh’ fheòraich mi de rìgh na Sgéithe Deirge, ‘Gu ’d é ’m blàr a tha ’n so? Carson a tha e?’ ‘Am bheil fhios agad idir air?’ arsa rìgh na Sgéithe Deirge. ‘Cha ’n ’eil,’ arsa mise. ‘Tha ’n sin,’ arsa rìgh na Sgéithe Deirge, ‘blàr airson nighean rìgh an domhain mhòir—an t-aon té a ’s briagha air an t-saoghal; agus gaisgeach sam bith a bheir a-mach i le ’ghaisge ’s e gheibh i r’ a pòsadh. Am bheil thu ’faicinn a’ chasteil ud?’ ‘Tha,’ arsa mise. ‘Tha ise air mullach a’ chaisteil,’ arsa rìgh na Sgéithe Deirge, ‘a’ faicinn co ’n gaisgeach a bheir a-mach i.’ Dh’ iarr mi mo chur air tìr ’s gu’m feuchainn mo luathas ’s mo làidireachd airson a tòirt a-mach. Chuir iad air tìr mi, agus chunnaic mi sealladh dhi air mullach a’ chaisteil, agus thomhais mi dà throidh air mo chùlaobh is troidh air mo bheulaobh, agus leum mi air bàrr mo shleagha ’s air ceanna m’ òrdag, ’s bha mi suas air mullach a’ chaisteil, agus rug mi air nighean rìgh an domhain eadar mo dhà làimh is thilg mi bhàrr a’ chaisteil i, agus bha mi aice mu ’n d’ ràinig i ’n talamh, agus cheap mi i, agus thog mi leam air mo ghualainn i, agus thug mi ’n cladach orm cho luath ’s a b’ urrainn domh, agus thug mi do rìgh na Sgéithe Deirge i g’ a cur air bòrd, agus na bha ’s a bhlàr lean iad a sìos mi a dhol g’ am mharbh- [TD 251] [Beurla] [TD 252] adh. Thionndaidh mi air m’ ais ’n an coinnimh, agus thòisich mi orra leis an t-sleagh gheàrr, ’s cha d’ fhàg mi ceann air amhaich dhiubh. Thill mi ’n sin air m’ ais, agus ghlaodh mi air rìgh na Sgéithe Deirge e ’thighinn a-stigh g’ am iarraidh. Cha ghabhadh e air gu’n cluinneadh e mi: chuir e ’h-aodach ris an luing, ’s e airson tilleadh dhachaidh le nighean rìgh an domhain mhòir los a pòsadh. Thomhais mise dà throidh air mo chùlaobh is troidh air mo bheulaobh, is leum mi air bàrr mo shleagha ’s air ceanna m òrdag, ’s bha mi air bòrd na luinge, ’s thubhairt mi ri rìgh na Sgéithe Deirge, ‘Gu ’d é ’tha thu ’dol a dheanamh? Carson nach d’ thàinig thu stigh g’ am iarraidh?’ ‘O!’ ars’ an rìgh, ‘cha robh mise ach a’ deanamh deas na luinge ’s a’ cur an aodaich rithe mu’n rachainn air tìr g’ ad iarraidh. Am bheil fhios agad gu ’d é ’tha mi ’smuaineachadh ’air an ceart uair?’ ‘Cha ’n ’eil,’ arsa mise. ‘Tha,’ ars’ an rìgh, ‘gu’n till mise le nighean rìgh an domhain mhòir dhachaidh, agus gu’n téid thusa dhachaidh le d’ mhàthair ’s le d’ phiuthair.’ ‘Cha ’n ann mar sin a bhios,’ arsa mise: ‘an té ’thug mise ’mach le m’ fhoghainteachd fhéin cha ’n fhaigh thusa no duin’ eil’ i.’ “Bha sgiath dhearg aig an rìgh, ’s na’m faigheadh e ’air i cha robh arm sam bith a [TD 253] [Beurla] [TD 254] dhrùigheadh ’air. Thòisich e air an sgiath dhearg a chur uime; agus tharruing mi ’n t-sleagh gheàrr ’air mu’n teis-meadhoin, agus rinn mi ’n a dhà leth e, agus thilg mi bhàrr na luinge e. Bhuail mi ’mhac an sin, agus thilg mi ’n ceann deth, agus thilg mi ’mach e. Sìn thusa a-mach do choise Céin ’s gu’n cuirinn-sa rithe bile lusan is leigheas; tinnean is gnothaichean, ’s e mar éigeantas orm dol a dh’ éisdeachd éibhneis a dh’ eaglas mhòir na Roimhe am màireach.” “Ma’s a coise Céin i no ma’s cois ’n a dhéigh i, no ma ’s Geur-mac-ul-Uaimh mise, ma shìneas mise ’mach mo choise Céin a chur bilean lusan is leighis rithe gus an innis thusa dhomh-sa carson nach robh eaglais mhòr agaibh fhéin ann an Lochlann gun a bhi ’dol a dh’ éisdeachd éibhneis a dh’ eaglais mhòir na Roimhe am màireach.” “Ah! tha ’n rosad ort,” ars’ am fear mòr; “innsidh mi ùr-sgeul beag eile dhuit. Thàinig mi dhachaidh le m’ mhàthair, ’s le m’ phiuthair, ’s le nighean rìgh an domhain, agus phòs mi nighean rìgh an domhain; agus a’ cheud mhac a bh’ agam thug mi Macan-na-Sgéithe-Deirge mar ainm air. Cha robh mi fada ’n déigh so ’n uair a thàinig tòrachd rìgh na Sgéithe Deirge a thoirt a-mach éirig rìgh na Sgéithe Deirge, [TD 255] [Beurla] [TD 256] agus tòrachd rìgh an domhain a thoirt a-mach éirig nighean rìgh an domhain. Thog mi leam nighean rìgh an domhain air mo ghualainn agus Macan-na-Sgéithe-Deirge air a’ ghualainn eile, agus chaidh mi air bòrd na luinge, agus thog mi na siùil ris na croinn, agus chuir mi suaicheantas rìgh am domhain air an dàrna crann agus suaicheantas rìgh na Sgéithe Deirge air a’ chrann eile, agus shéid mi trompaid, agus ghabh mi troimh ’n teis-meadhoin, agus thubhairt mi riù gu’m be so an duine, agus ma bha iad ’dol a thoirt a-mach na tòrachd gu’m b’ e so an t-àm. As mo dhéigh thug iad na bha ’n sin de shoithichean, agus ghlac sinn an cuan fo ’r ceann. Bha de mhathas air an luing a bh’ agam-sa nach mòr idir a thigeadh a-nìos rithe. Là de na làithean thàinig ceò trom, dorcha, agus chaill iad sealladh orm. Dh’ éirich dhomh gu’n d’ thàinig mi gu eilean a bh’ ann an sin, agus b’ e ainm an eilein An Fhalluinn Fhliuch. Thog mi bothan tighe ’s an Fhalluinn Fhliuch anns an robh mi ’fuireach, agus fhuair mi mac eile ’s an eilean, agus ’s e ’n t-ainm a thug mi air Macan-na-Falluinne-Fliùiche. “Bha mi ùine mhòr anns an eilean sin, ach bha gu leòir de mheasan, ’s de dh’ iasg, ’s de dh’ eòin ann. Bha mo dhà mhac air tighinn air an aghaidh ’n am proitsichean matha. Bha mi [TD 257] [Beurla] [TD 258] là ’n sin a’ falbh a’ marbhadh eun, agus chunnaic mi fear mòr, mòr a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an eilein, agus ruith mi dh’ fheuch am faighinn a-stigh do ’n tigh mu ’n tigeadh e. Choinnich e mi, agus rug e orm, agus chuir e fodha ann am boglaich mi gu ruig an dà achlais, agus chaidh e stigh do ’n tigh, agus thug e mach nighean rìgh an domhain air a ghualainn, agus thàinig e seachad dlùth orm a chur an tuilleadh corruich orm. ’S e sin sùil a’s mulladaiche a thug mise no ’bheir mi gu bràth a bhi sealltuinn air nighean rìgh an domhain air gualainn fir eile, ’s nach b’ urrainn domh-fhéin a toirt uaithe. Thàinig na balachain a-mach an taobh a bha mi, agus dh’ iarr mi orra an t-sleagh gheàrr a thoirt a-mach g’ am ionnsuidh. An sin shlaod iad an t-sleagh gheàrr as an déigh gus an d’ thug iad g’ am ionnsuidh i, agus gheàrr mi ’n grunnd mu ’n cuairt orm leatha gus an d’ fhuair mi ’mach. “Bha mi anns an Fhalluinn Fhliuch ùine mhòr gus an d’ fhàs mo dhà mhac ’n am balaich mhòra. Thubhairt iad rium là ’bha ’n sin an robh guth idir agam air dol a dh’ iarraidh am màthar. Thubhairt mi riù gu’n robh mi ’stad gus an cinneadh iad làidir, ’s gu’m falbhadh iad còmhla rium. Thubhairt iadsan gu’n robh iad deas uair sam bith airson [TD 259] [Beurla] [TD 260] falbh. Thubhairt mi riù gu’m b’ fhearra dhuinn an long a chur an òrdugh, agus gu’m falbhadhmaid. Thubhairt iad rium, ‘Biodh long aig a h-uile fear dhà fhéin’; agus mar sin rinn sinn, agus thug sinn ar trì chùil r’ a chéile: ghabh a h-uile fear a rathad fhéin. “Thachair dhomh-sa là ’bhi ’dol seachad dlùth air fearann, agus chunnaic mi blàr mòr ’g a chur a-stigh an sin, agus mionnan orm fhéin nach rachainn seachad air blàr air bith gun dol a chuideachadh an taoibh a bu luige. Chaidh mi air tìr, agus thoisich mi leis an taobh a bu luige, agus chuir mi ’n ceann de na h-uile gin leis an t-sleagh gheàrr. Bha mi ’n sin sgìth, agus leig mi mi-fhéin am shìneadh am measg nan corp, agus thàinig an cadal orm. Sìn thusa ’mach do choise Céin gus an cuirinn bile lusan is leigheas rithe; tinnean is gnothaichean, ’s e mar éigeantas orm dol a dh’ éisdeachd éibhneis a dh’ eaglais mhòir na Roimhe am màireach.” “Ma shìneas mise ’mach mo coise Céin,” arsa Geur-mac-ul-Uaimh, “a chur bile lusan no leighis rithe gus an innis thusa dhomh-sa an d’fhuair thu nighean rìgh an domhain no’n deachaidh tu na b’ fhaide no’n do thill thu dhachaidh no cia-mar a dh’ éirich dhuit.” “Tha ’n rosad ort,” ars’ am fear mòr; “tha [TD 261] [Beurla] [TD 262] ’n sgeul sin fada r’ a h-innseadh; ach innsidh mi sgeul beag eile dhuit. An uair a dhùisg mise as mo chadal chunnaic mi long a’ deanamh air an àite anns an robh mi am shìneadh, agus famhair mòr ’g a slaodadh as a dhéidh, ’s e air leth-shùil; agus cha ruigeadh an cuan ach na glùinean da. Bha slat mhòr iasgaich aige, agus driamlach mhòr, làidir aiste, agus dubhan mòr, mòr orra. Bha e ’tilgeil na driamlaich air tìr, ’s a’ cur an dubhain an sàs ann an corp, ’s ’g a thogail leis a-mach air bòrd, gus na luchdaich e ’n soitheach de na cuirp. Uair de na h-uairean chuir e ’n dubhan an sàs ann am aodach, agus cha ghiùlaineadh an t-slat a-stigh mi leis cho trom ’s a bha mi. Dh’ fheum e-fhéin dol air tùr, agus mo ghiùlan eadar a làmhan, ’s mo chur air bòrd. Bha mi ’n sin na bu mhiosa na bha mi riamh. Dh’ fhalbh am famhair an sin leis an luing, ’s e ’g a slaodadh as a dhéidh, agus ràinig e ailbhinn mhòr chreige, ’s bha uamh mhòr a-stigh aige ann an aodann na creige, agus thàinig boirionnach cho briagh ’s a chunnaic mi riamh a-mach, is sheas i ann an dorus na h-uamha. Bha esan a’ sìneadh dhi nan corp, agus bha ise ’breith orra, ’s ’g an cur a-stigh do ’n uaimh; agus a h-uile fear a bheireadh i ’air theireadh i, ‘Am bheil thu beò?’ Mu dheireadh thall chaidh breith orm fhéin leis an [TD 263] [Beurla] [TD 264] fhamhair, agus mo shìneadh a-stigh dhi, agus thubhairt am famhair, ‘Cumaidh tu air leth e: ’s e corp mòr a th’ ann, agus bithidh e agam air mo bhraiceas a’ cheud là ’dh’ fhalbhas mi.’ Cha b’ e sud uair a b’ fheàrr a bha mise ’n uair a chuala mi binn an fhamhair. ’N uair a ghabh e ’leòir de na cuirp, a dhìnneir ’s a shuipeir, chaidh e ’laidhe. ’N uair a tharruing am famhair srann thàinig am boirionnach a bhruidhinn rium, agus dh’ innis i dhomh gu’m bu nighean rìgh a bh’ innte, agus gu’n do ghoid am famhair air falbh i, agus nach robh dòigh no innleachd aice air ’fhàgail. ‘Tha mi nis,’ ars’ ise, ‘seachd bliadhna ach dà là còmhla ris, agus tha claidheamh rùisgte eadaruinn ’s an oidhche, air alt ’s nach robh a chridh’ aige tighinn na bu dàine na sin orm gus an ruitheadh na seachd bliadhna sin.’ Thubhairt mi rithe, ‘Am bheil dòigh idir air a mharbhadh?’ ‘Cha ’n ’eil e furasda a mharbhadh,’ ars’ ise, ‘ach ni sinn dòigh air a mharbhadh. Seall air a’ bhior mhòr a tha ’n sin, a bhios aige ’ròsadh nan corp. Ann am marbhadh na h-oidhche trusaidh tu éibhlean an teine ri ’chéile, agus cuiridh tu ’m bior ann gus am bi e dearg, agus théid thu ’n sin, agus cuiridh tu anns an t-sùil a th’ aige e le d’ uile neart, agus bheir thu ’n aire nach fhaigh e greim ort, oir ma gheibh ni e cho pronn ri meanbh-chuileag thu.’ Dh’ [TD 265] [Beurla] [TD 266] fhalbh mi ’n so, agus thrus mi na h-éibhlean ri ’chéile, agus chuir mi ’m bior ’s an teine, agus rinn mi dearg e, agus chuir mi anns an t-sùil a bh’ aige e, agus an glaodh a thug e ’as shaoil mi gu’n do sgoilt a’ chreag; agus air a bhonn bha ’m famhair as mo dhéigh feadh na h-uamha dh’ fheuch am faigheadh e greim orm. Uair de na h-uairean thog mi clach a bh’ air ùrlar na h-uamha, thilg mi ’mach do ’n fhairg’ i, ’s thug i plub. Bha ’m bior an sàs ’n a shùil fad na h-ùine. Thug e roid gu beul na h-uamha a’ saoilsinn gu’m bu mhise ’leum a-mach, agus bhuail am bior peirceall doruis na h-uamha, agus thilg e copan a’ chinn deth. Thuit am famhair an sin fuar, marbh, agus thilg mi ’mach e thar beul na h-uamha do ’n fhairge. “An là ’r na mhàireach ghabh mis’ air tòir nighean rìgh an domhain, agus thug mi leam ise as an uaimh le té de bhàtaichean an fhamhair, ’s chuir mi do dh’ àite i as am faodadh i ’falbh far an togradh i. Thubhairt mi rithe na ’n tigeadh dragh sam bith orra, ’s gu’m biodh mac aice i ’thoirt Macan-an-Uaigneas mar ainm air. Thug mi dhi fàinn’ òir is m’ ainm ann, agus thubhairt mi rithe na ’m b’ e gille biodh ann i g’ a thoirt da, agus e ’dol air tòir nighean rìgh an domhain do Mhacan-an-Athar, mac rìgh Lochlainn. [TD 267] [Beurla] [TD 268] “Dh’ fhalbh mise ’n sin do ’n àite anns an d’ thug mi blàr, agus fhuair mi ’n t-sleagh gheàrr far an d’ fhàg mi i, agus bha mi anabarrach toilichte ’n uair a fhuair mi i, agus gu’n robh an long sàbhailte. Sheòl mi astar là as a sin, agus chaidh mi stigh air camus bòidheach a bha ’n sin, agus tharruing mi an long a suas bràigh a’ chladaich, agus chuir mi bùth a suas bràigh a’ chladaich, anns an do chaidil mi ’s an oidhche. ’N uair a dh’ éirich mi an là ’r na mhàireach chunnaic mi long a’ deanamh dìreach a-stigh air an àit an robh mi. ’N uair a bhuail i ’n grunnd thàinig ceatharnach mòr, làidir a-mach aiste, agus tharruing e suas i, agus mur robh i air thoiseadh air an té agam-sa cha robh i dad air deireadh orra, agus thubhairt mi ris, ‘Co ’m beadagan balaich thusa aig an robh a chridh’ a long a tharruing suas ri broilleach na luing’ agam-sa?’ ‘’S mise Macan-na-Sgéithe-Deirge,’ ars’ an ceatharnach, ‘a’ dol a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain do Macan-an-athar, mac rìgh Lochlainn.’ Chuir mi fàilt is furan ’air, agus thubhairt mi ris, ‘Is mise t-athair; ’s math gu’n d’ rinn thu tighinn.’ Chuir sinn an oidhche seachad gu sunndach còmhla anns a’ bhùth. “’N uair a dh’ éirich mi ’n là ’r na mhàireach chunnaic mi long eile ’deanamh dìreach air an [TD 269] [Beurla] [TD 270] àite ’s an robh mi; ’s thàinig gaisgeach mòr, làidir a-mach, is tharruing e ’long a suas ri broillech na loingis againn-ne; ’s mur robh i air thoisich cha robh i dad air deireadh orra. ‘Co ’m beadagan balaich thusa aig an robh a’chridh’ a long a tharruing suas ri broilleach na loingis againn-ne?’ arsa mi-fhéin. ‘’S mise,’ ars’ esan, ‘Macan-na-Falluinne-Fliuiche ’dol a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain do Mhacan-an-athar, mac rìgh Lochlainn.’ ‘’S mise t-athair,’ arsa mise; ‘’s e so do bhràthair, agus is math gu’n d’ rinn thu tighinn.’ Chuir sinn an oidhche sin seachad còmhla anns a’ bhùth, mo dhà mhac ’s mi-fhéin. “’N uair a dh’ éirich mi ’n là ’r na mhàireach chunnaic mi long eile ’tighinn, ’s a’ deanamh dìreach air an àite ’s an robh mi-fhéin. Leum ceatharnach mòr, làidir a-mach aiste, agus tharruing e suas i ri broilleach na loingis againn-ne, agus mur robh i na’s àirde cha robh i na’s ìsle. Chaidh mi sìos far an robh e, agus thubhairt mi ris, ‘Co ’m beadagan balaich thusa a tharruing suas a long ri broilleach na loingis againn-ne?’ ‘’S mise Macann-an-Uaigneas,’ ars’ esan, ‘a’ dol a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain do Mhacan-an-athar, mac rìgh Lochlainn.’ ‘Am bheil comharradh sam bith agad air a sin?’ arsa mise. ‘Tha,’ ars’ esan; ‘tha [TD 271] [Beurla] [TD 272] fàinn’ an so a thug mo mhàthair dhomh a dh’ iarr m’ athair orra a thoirt dhomh.’ Rug mi air an fhàinne, agus chunnaic mi m’ ainm ann, agus bha ’n gnothuch cinnteach. Thubhairt mi ris, ‘Is mise t-athair, agus tha ’n so dà leth bhràthair dhuit. Bithidh sinn na’s laidire nis airson dol a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain. Tha ceithir duail na’s laidire na trì duail.’ Chuir sinn an oidhche sin seachad gu sunndach, gasda còmhla anns a’ bhùth. “Co ’thàinig a-stigh far an robh sinn ach Cruitean Ceòlar, agus fear eile, marcaich an eich bhàin. A h-uile uair a chuireadh Cruitean Ceòlar a suas a’ phìob bha e ’g ar cur ’n ar cadal, agus dh’ éireadh marcaich an eich bhàin, agus bheireadh e ’phìob as a bheul an drast ’s a rìs. Mu dheireadh ’n uair a chunnaic marcaich an eich bhàin nach robh sinn a’ faotuinn coire do Chruitean Ceòlar leig e leis cluich air aghaidh, agus thuit sinne ’n ar cadal, agus ghoid e ’n t-sleagh gheàrr leis. Thàinig marcaich an eich bhàin a-stigh ’s a’ mhaduinn, agus dh’ fheòraich e dhinn cia-mar a dh’ éirich dhuinn an raoir. Thubhairt sinn ris nach d’ éirich ach gu dona, dubh, gu’n do ghoideadh an t-sleagh gheàrr oirnn. Thubhairt marcaich an eich bhàin, ‘Innsidh mise dhuibh c’ àit am bheil i. Tha i ann an uaimh shuas an sin far am bheil dà fhamhair mhòr a’ fuireach.’ [TD 273] [Beurla] [TD 274] “Dh’ fhalbh mi-fhéin ’s mo thriùir mhac is ràinig sinn an uaimh, is ghlaodh sinn riù an t-sleagh gheàrr a chur a-mach g’ ar n-ionnsuidh; agus ’n uair a chunnaic an dà fhamhair an coltas a bh’ air na ceatharnaich ghabh iad an t-eagal, agus thilg iad an t-sleagh a-mach g’ ar n-ionnsuidh. Thug sinn leinn an t-sleagh gheàrr, agus thill sinn do’n bhùth far an robh na loingis againn air an tarruing. Thàinig marcaich an eich bhàin far an robh sinn a rìs, agus thubhairt e ruinn, ‘Mur meall thu ann am aithne mi ’s tu Macan-an-athar, mac rìgh Lochlainn. Is fiosaiche mise, agus tha thu ’dol a dh’ iarraidh nighean rìgh an domhain. Innsidh mi dhuit cuideachd c’ àit am bheil i. Tha i aig mac an Lòin-duibh, Càrn Camailidh.’ “Chaidh Macan-na-Sgéithe-Deirge, agus ghlaodh e còmhrag ceud làn ghaisgeach, air neo nighean rìgh an domhain a chur a-mach g’ a ionnsuidh. Chaidh an ceud a-mach, agus thòisich e-fhéin is iadsan air a chéile, agus mharbh e ’h-uile gin diubh. Ghlaodh Macan-na-Falluinne-Fliuiche còmhrag ceud eile, air neo nighean rìgh an domhain a chur a-mach g’ a ionnsuidh. Marbh esan an ceud sin leis an t-sleagh gheàrr. Ghlaodh Macan-an-Uaigneas còmhrag ceud eile air neo nighean rìgh an domhain. Mharbh e ’h-uile gin diubh sin leis [TD 275] [Beurla] [TD 276] an t-sleagh gheàrr. Chaidh mise ’n sin a-mach, agus bhuail mi beum-sgéithe air an fhaiche, ’s chuir mi ’m baile mòr air chrith. Cha robh duin’ aig Càrn Camailidh a chuireadh e mach. B’ fheudar dha fhéin teannadh a-mach; agus thòisich e-fhéin ’s mi-fhéin air a chéile, agus tharruing mi ’n t-sleagh gheàrr ’air, agus thilg mi ’n ceann dheth, ’s ghabh mi stigh do’n chaisteal aige, ’s thug mi ’mach nighean rìgh an domhain. Thàinig mi-fhéin ’s mo thriùir mhac dhachaidh agus nighean rìgh an domhain mhòir; agus sin agad mar a dh’ éirich dhomh-sa. Sìn thusa ’mach do choise Céin gus an cuirinn-sa bile lusan is leigheas rithe; tinnean is gnothaichean, ’s e mar éigeantas orm dol a dh’ éisdeachd éibhneis a dh’ eaglais mhòir na Roimhe am màireach.” Shìn Geur-mac-ul-Uaimh a-mach a chas, agus chuir am fear mòr bile lusan is leigheas rithe, ’s bha i air a slànachadh. Thug am fear mhòr air tìr as an eilean e, agus leig e leis dol dhachaidh a dh’ ionnsuidh an rìgh. [TD 277] [Beurla] [TD 278] VIII. LOD, MAC AN AOIREIN. BHA Lod ’n a ghille comasach, làidir, ’s cha ghabhadh e urram o dhuin’ air bith. ’S e sin gu’n robh feadhainn aig ’athair a’ gearradh mòine. Chuir ’athair measair mhòr de chàbhruich leis a dh’ ionnsuidh muinntir na moine. Thuit a’ mheasair ’air air an rathad is dhoirt e ’chàbhruich. Dh’ fhalbh e ’n sin is thog e i air a h-ais do ’n mheasair le ’chrògan, ’s bha i air a salachadh. Ràinig e ’n t-àite moine, agus thug e dhoibh a’ chàbhruich; ach ’n uair a chunnaic iad cho salach ’s a bha i cha ghabhadh iad deur dh’ i. ’N uair a chaidh na daoine dhachaidh feasgar dh’ innis iad d’ a athair mar thachair. Thòisich ’athair an sin air trod ’s air cur iomhchoir air, agus dh’ iarr e air a bhi ’falbh roimhe, agus e ’ghabhail ceithir rathaide fichead, nach gleidheadh esan na b’ fhaid’ e. “Ma’s ann mar sin a tha faighibh dhomh-sa lorg iaruinn a chumas na coin uam.” “Gheibh thu sin,” ars’ ’athair. Chaidh ’athair do ’n cheàrdaich, agus rinn e lorg a bha clach iaruinn air chuthdrom. Shìn [TD 279] [Beurla] [TD 280] e sid dha. “So,” ars’ esan; “sin agad deagh lorg.” Rug Lod air an lorg, agus a’ cheud chrathadh a thug e orra bhris e i. “Feumaidh sibh falbh, agus lorg cheart fhaotuinn dhomh-sa a chumas rium.” Dh’ fhalbh ’athair do ’n cheardaich, agus rinn e lorg, ’s chuir e dà chloich air chuthdrom ìnnte. ’N uair a thàinig e air ’ais shìn e ’n lorg dha, ’s thubhairt e, “Cha ’n fhaod e ’bhi nach cum an té sin riut.” Thug Lod crathadh orra, agus bhris e i. “Falbhaibh,” ars’ esan, “agus deanaibh lorg cheart dhomh-sa ’chumas na coin uam.” Dh’ fhalbh ’athair an là so, agus rinn e lorg, agus chuir e trì chlachan gu leth ìnnte. Thàinig e dhachaidh ’s thug e ’n lorg dha. Thug Lod crathadh orra, ’s chuir e lùb mhath orra. “Tha mi ’n déigh ur sàrachadh,” ars’ esan, “’s ni mi leis an té so fhéin.” Chuir e ri ghlùin i, ’s rinn e dìreach i. Dh’ fhàg e beannachd aig ’athair, ’s dh’ fhalbh e, ’s chuir e ’n lorg fo ’achlais. Ràinig e pailis rìgh mu’n do stad e, ’s thòisich e air sràid-imeachd mu choinneamh a’ phailis. Chuir an rìgh gille ’mach a dh’ fheòruich dheth gu ’d é ’n duin’ esan a bha sràid-imeachd mu choinneamh pailis an rìgh. “Dh’ iarr an rìgh orm,” ars’ an gille, “’fheòruich dhiot co dhiubh is [TD 281] [Beurla] [TD 282] òlach thu ’tha ’g iarraidh gleachd no còmhraig no òlach a tha ’g iarraidh maighstir.” Thubhairt Lod ris, “Cha ’n òlach mi ’tha ’g iarraidh gleachd no còmhraig; ach is òlach mi ’tha ’g iarraidh maighstir math ma gheibh mi e.” Chaidh an gille stigh, agus dh’ innis e do ’n rìgh mar thubhairt Lod ris. Chaidh an rìgh a-mach an sin, agus dh’ fheòriuch e dheth gu ’d é ’n obair air an robh e math. Thubhairt Lod, “Tha mi ’m bhuachaille math; ’s e buachailleachd a bha mi ’cleachdadh daonan.” “Mata,” ars’ an rìgh, “is mise ’tha feumach air buachaille math. Cha d’ fhuair mi buachaille math riamh, ’s bha mo chuid cruidh a’ falbh, ’s cha robh fhios agam c’ àit am robh iad a’ dol no ’d é ’bha ’tighinn riù. Ma ni thu muinntearas agam-sa tha mi coma ged a dh’ fheuchas mi greis dhiot.” Thubhairt Lod ris, “Mata ni mise muinntearas bliadhna ruibh no muinntearas leth-bhliadhna.” “’D é ’n tuarasdal a bhios tu ’g iarraidh ’s an leth-bhliadhna?” ars’ an rìgh. “Bithidh mi ’g iarraidh,” arsa Lod, “deich gininean ’s an leth-bhliadhna, agus leth-bholla mine as t-seachduin, agus na dh’ fheumas mi de bhaine leis airson brochain. Cha ’n ’eil mi a’ [TD 283] [Beurla] [TD 284] gabhail ach dà bhiadh ’s an là, mo bhraiceas agus mo shuipeir. Feumaidh mi tigh fhaotuinn anns am fuirich mi gun duine leam ach mi-fhéin, agus cnap math de bhoilear is leaba.” Thubhairt an rìgh an sin ris, “Tha ’n tuarasdal sin pailte mòr dhomh-sa ri ’thoirt seachad, agus tha ’n leth-bholla mine glé mhòr leam cuideachd ri ’bhi ’g a thoirt dhuit as t-seachduin.” “Mata,” arsa Lod, “mur toir sibhse dhomh e, a rìgh, bheir fear eile dhomh e.” Smuainich an rìgh gu’m feuchadh e leth-bhliadhna dheth aig na cumhnantan a bha e ’g iarraidh; agus thubhairt an rìgh ris, “Feuchaidh sinn leth-bhliadhna dhiot aig sin fhéin o ’n ’tha thu ’g ràdh gu bheil thu ’ad bhuachaille cho math.” An sin rinn Lod muinntearas ris an rìgh, agus fhuair e ’n tigh a chur an òrdugh, agus an leaba ’s a’ mhin. Chaidh an crodh a liubhairt dha ’n sin airson am buachailleachd. Chuir e air teine, ’s rinn e ’bhrochan. Bha so mu fheasgar. ’N uair a ghabh e ’shuipeir chaidh e ’luidhe. Moch an là ’r na mhàireach dh’ éirich e, ’s rinn e ’m brochan, ’s ghabh e e mu’n d’ fhalbh e leis a’ chrodh. Dh’ fhalbh e ’n sin leis a’ chrodh, ’s an lorg ’n a achlais aige. Bha feadag aige ’g a séideadh as déigh a’ chruidh, agus shaodaich e ’mach ri sliabh monaidh iad. [TD 285] [Beurla] [TD 286] Bha badan coille an sin, agus chaidh e stigh ann a bhuain shlat. Cha robh e fada stigh ’s a’ choille ’n uair a chunnaic e famhair mòr, mòr a’ tighinn far an robh e; ’s thubhairt e ris, “Gu ’d é ’tha thu ’deanamh an so, ’ille bhig?” “Ah! ’ille mhath,” ars’ esan, “na bi ’cur eagail orm; ’s beag an rud a chuireas eagal orm. Cha ’n ’eil mise ’n so ach a ghearradh shlatan a dheanamh crò mheann do mhnaoi bhochd a’s màthair dhomh. Ma ’s e ’n crodh ’tha dhìth ort nach toir thu leat gu leòir dhiubh.” Dh’ fhalbh am famhair mòr an sin, agus rug e air a’ mhart a bu truime ’s a bu reamhra, agus cheangail e a ceithir chasan, agus thubhairt e ri Lod, “Thig a-nall dh’ fheuch an cuidich thu ’m mart a chur air mo mhuin.” “Ah! tha eagal orm-sa dol ad chòir,” arsa Lod. “U! cha bhean mi dhuit,” ars’ am famhair. Chaidh e ’n sin a-null far an robh e, agus thubhairt e ris, “’S fhearra dhuit do cheann a chur a-stigh eadar a casan, agus théid mis’ air do chùlaobh, agus togaidh mi suas ort i,” ars’ esan. Cho luath ’s a chuir am famhair a cheann a-stigh eadar a casan bha Lod air a chùlaobh agus tharruing e ’n lorg, agus spad e e. An [TD 287] [Beurla] [TD 288] sin leig e ’m mart mu ’r sgaoil, agus gheàrr e ’n ceann bhàrr an fhamhair, agus chroch e ann am meur craoibh e, agus leag e brùchd de sheann ghàradh phloc air muin a’ chuirp. Cha d’ thàinig nì g’ a chòir an là sin tuilleadh. Feasgar chaidh e dhachaidh, agus an crodh sàbhailte, glan aige, a h-uile gin diubh. Choinnich an rìgh e ’n uair a chaidh e dhachaidh, ’s thubhairt an rìgh ris, “Fhuair thu ’n crodh gu sàbhailte dhachaidh.” “Fhuair,” ars esan; “carson nach fhaigheadh.” Cha do ghabh e air ris an rìgh gu ’d é ’chunnaic e no ’thachair ’air. Chuir e stigh an crodh is bhiadh e iad, ’s chuir e air am brochan. ’N uair a ghabh e ’shuipeir chaidh e ’luidhe. ’N uair a dh’ éirich e ’s a’ mhaduinn rinn e ’bhrochan, ’s ghabh e e. Leig e ’mach an crodh an sin is shaodaich e ’mach ri badan coille ’s ri sliabh monaidh iad, agus thug e ’choill’ air, ’s thòisich e ri buain shlatagan. Cha robh e fad’ an sin ’n uair thàinig famhair mòr a bu mhò na ’m fear a bh’ ann an dé. “’D é ’tha thu ’deanamh an so, ’ille bhig?” ars’ am famhair. “Tha mi ’buain shlat a dheanamh crò mheann do mhnaoi bhochd a’s màthair dhomh,” arsa Lod; “na bi ’cur eagail orm; is beag an rud a chuireas eagal orm.” “Am fac thu fear an so an dé?” ars’ am famhair. [TD 289] [Beurla] [TD 290] “Cha ’n fhac,” arsa Lod; “cha robh mis’ an so an dé idir; ach ma tha mart a dhìth ort thoir leat an té a’s mò ’s a’s fheàrr a gheibh thu.” Ghabh am famhair an caraibh a mhairt a b’ fheàrr a bha ’n sin, is leag e i, is cheangail e ’ceithir chasan. An sin thubhairt e ri Lod, “Thig a-nall is cuidich am mart air mo mhuin.” “Ah! cha téid,” arsa Lod; “tha thu ’cur eagail orm.” “Cha bhean mise dhuit,” ars’ am famhair. Chaidh Lod an sin a nun, agus thubhairt e ris an fhamhair, “Cuir do cheann eadar a casan, ’s théid mise air do chùlaobh, agus cuidichidh mi suas air do mhuin i.” An sin tharruing e ’n lorg mhòr, agus spad e ’m famhair. Thug e dheth an ceann, agus chroch e ris a’ chraoibh e air an robh am famhair eile, agus leag e brùchd de ’n ghàradh air a chorp, air chor is nach fhaiceadh duine sam bith e. ’N uair a thàinig am feasgar dh’ fhalbh e-fhéin ’s an crodh dhachaidh; is thachair an rìgh air, is thubhairt e ris, “Am bheil naigheachd agad an diugh dhomh?” “Cha ’n ’eil: ’d é ’bheireadh dhomh naigheachd mur tugadh an crodh ud an sin, is fraoch, is coille, is mòine,” ars am buachaille. “Mata,” ars’ an rìgh, “is math an naigheachd dhomh-sa gu’n d’ thàinig thu-fhéin ’s an crodh [TD 291] [Beurla] [TD 292] dhachaidh sàbhailte. Is tu ’m buachaille math, ’s is tu ’m buachaille sona,” ars’ esan. “Cha d’ fhuair mise buachaille riamh a thug dhachaidh an crodh sàbhailte ach thu-fhéin.” Chuir e ’n sin a-stigh an crodh, agus bhiadh e iad: rinn e ’bhrochan, ghabh e ’shuipeir, ’s chaidh e ’luidhe. ’N uair a dh’ éirich e ’s a’ mhaduinn rinn e ’bhrochan, ghabh e ’bhraiceas, is dh’ fhalbh e leis a’ chrodh, is feadag aig’ as an déigh. Thog e ’mach ri badan coille ’s ri sliabh monaidh iad, agus thug e ’choill’ air ’s thòisich e ri buain shlat. Cha robh e fad’ an sin ’n uair a thàinig famhair mòr a bu mhò na càch. Thubhairt am famhair ri Lod, “Gu ’d é ’tha thu ’deanamh an so, ’ille bhig?” “Tha mi ’buain shlat a dheanamh crò mheann do mhnaoi bhochd a’s màthair dhomh,” arsa Lod. “Ma ’s e crodh a tha dhìth ort thoir leat uiread ’s is urrainn thu.” “Bheir mi leam té mhath co dhiubh,” ars’ am famhair. Ghabh e ’n taic’ a’ mhairt, rug e orra, is leag e i, is cheangail e ’ceithir chasan, agus thubhairt e ri Lod, “Thig a-nall, ’fhir bhig, agus cuidich am mart air mo mhuin.” “Cuir do cheann eadar a casan, ’s théid mise air do chùlaobh, is cuidichidh mi suas i,” arsa Lod. An sin tharruing e ’n lorg mhòr air, agus [TD 293] [Beurla] [TD 294] spad e e. Gheàrr e ’cheann, is chroch e ris a’ chraoibh e air an robh càch; leag e brùchd de’n ghàradh air a’ mhuin, is dh’ fholluich e e. Cha d’ thàinig nì g’ a chòir an là sin tuilleadh a chur eagail no oillt ’air. ’N uair a thàinig am feasgar chaidh e dhachaidh leis a’ chrodh. Chuir e stigh iad, is bhiadh e iad. Thàinig an rìgh far an robh e, ’s thubhairt e ris, “Am bheil naigheachd agad dhomh an diugh?” “Cha ’n ’eil; ’d é ’bheireadh naigheachd dhomh-sa mur tugadh an crodh, fraoch, coille, ’s mòinteach?” “’S math an naigheachd leam-sa gu’n d’ thàinig thu-fhéin ’s an crodh sàbhailte dhachaidh; is tu am buachaille math, ’s is tu am buachaille sona,” ars’ an rìgh. An sin rinn e ’bhrochan, ’s chaidh e ’luidhe. ’N uair a dh’ éirich e ’s a’ mhaduinn rinn e ’bhrochan, ’s ghabh e ’bhraiceas ’s leig e ’mach an crodh, ’s dh’ fhalbh e leò. Thog e ’mach ri badan coille ’s ri sliabh monaidh iad, ’s thug e ’choill’ ’air, ’s thòisich e air buain shlat. Cha b’ fhada ’bha e ’n sin ’n uair a thàinig cailleach mhòr, ghairbhridh, ghlas; ’s thubhairt i ris, “Am bheil thu ’n so, a dhearg shlaightear, ’fhir bhig?” ars’ ise. “Mharbh thu mo thriùir mhac, ’s bheir mis’ ort nach téid thu ’dh’ innseadh sgeòil.” [TD 295] [Beurla] [TD 296] A-null ghabh i far an robh e, ’s rug i ’air, ’s chuir e ’dha làimh bhog gheal mu dhà thaoibh chairtidh, chruaidh na caillich, ’s chuir a’ chailleach a dà làimh chruaidh, chairtidh mu dhà thaoibh bhuig, ghil Lod mhic an aoirein. Dheanadh iad a bhogain a bhogain, a chreagain a chreagain, tobar fala fìor-uisge am fìor aodann gach creagain, far am bu bhuige gu’n sùilean, ’s far am bu chruaidhe gu’n glùinean, ’s far am bu mheadhonaiche gu ceann reamhar na sléiste. Smuainich Lod gu’n robh e dlùth g’ a nàmhaid agus fad’ o chàirdean, ’s thug e ’n togail bheag, mhòr air a’ chaillich, ’s bhris e ’casan fòipe ’s a gaoirdean os a cionn, ’s chuir e air stéigh a droma i. “Trom os do chionn, a chailleach,” arsa Lod; “gu ’d é t-éirig?” “’S mòr sin ’s cha bheag e; trunk òir is trunk airgid fo stàirsnich na h-uamha ud thall,” ars’ ise. “’S leam fhéin sin,” ars’ esan. “Am bheil tuilleadh eirig agad?” “Cha ’n ’eil,” ars’ ise. “Mur h-eil,” ars’ esan, “cha bhi sinn ’g ad chumail na ’s fhaide ann am péin”; ’s thilg e ’n ceann d’ i, ’s chroch e ris a’ chraoibh e far an robh càch, is leag e brùchd de ’n ghàradh air muin a’ chuirp aice. ’N uair a thàinig am [TD 297] [Beurla] [TD 298] feasgar chaidh e dhachaidh leis a’ chrodh. Chuir e stigh an crodh, is bhiadh e iad. Thàinig an rìgh far an robh e, agus thubhairt e ris, “An d’ thàinig thu?” “Thàinig,” ars’ esan. “Am bheil naigheachd agad an diugh?” “Cha ’n ’eil,” ars’ esan: “’d é ’bheireadh naigheachd dhomh-sa mur tugadh an crodh ud an sud, fraoch, coille, is mòinteach.” Feasgar rinn e ’bhrochan, ghabh e ’shuipeir, ’s chaidh e ’luidhe. An là ’r na mhàireach ’n uair a dh’ éirich e rinn e ’bhrochan, ghabh e ’bhraiceas, leig e ’mach an crodh, is dh’ fhalbh e leò. Shaodaich e ’mach iad ri badan coille ’s ri sliabh monaidh, ’s thug e ’choille air mar b’ àbhaist da. Cha d’ thàinig dad g’ a chòir fad an là so. Feasgar dh’ fhalbh e dhachaidh leis a’ chrodh: chuir e stigh iad, agus bhiadh e iad. Rinn e ’bhrochan, ghabh e ’shuipeir, ’s chaidh e ’luidhe. Cha d’ thàinig rìgh no ridir g’ a chòir, ’s bha iongantas uamhraidh air. Dh’ fheòruich e ’dh’ fheadhainn a bha ’n sin gu ’d é bu chiall nach do thachair an rìgh ’air an raoir. Thubhairt iad ris gu’n robh am bail’ ann am bròn ’s an duilichinn mhòir airson nighean an rìgh, gu’n d’ thàinig famhair mòr g’ a h-iarraidh, ’s mur faigheadh e i gu’n robh e ris a h-uile duine ’s a’ bhaile a mharbhadh. Ghabh an [TD 299] [Beurla] [TD 300] còcaire claon, ruadh os làimh gu’m marbhadh esan am famhair, is dh’ fhalbh e le nighean an rìgh g’ a liubhairt do ’n fhamhair mar g’um b’ fheadh; oir bha ’m famhair a’ fuireach ann an eilean làmh ris an àite far an robh an còcaire ’dol leatha. Na ’m marbhadh an còcaire am famhair gheibheadh e nighean an rìgh ri ’pòsadh; ach mur marbhadh gheibheadh fear sam bith eil’ i a mharbhadh e. ’N uair a ràinig iad an t-àite far an robh am famhair ri ’n coinneachadh chaidh an còcaire claon, ruadh am falach air cùl cloiche; agus chuir e feamain air a mhuin fhéin los nach faichteadh e. Dh’ fhalbh Lod, ’s leig e ’mach an crodh, ’s shaodaich e ’mach iad far am b’ àbhaist da. ’N uair a chunnaic e nach robh nì sam bith a tighinn a chur dragh’ air dh’ fhalbh e ’shealltuinn nighean an rìgh dh’ fheuch cia-mar bha ’dol dhi. ’N uair a ràinig e bha nighean an rìgh a’ caoineadh ’s a’ bròn, ’s an còcaire claon, ruadh am falach cùl na cloiche. “Ah!” arsa nighean an rìgh, “gu ’d é ’thug an so thu? ’S leòir mi-fhéin a bhi aig an fhamhair gun thusa ’bhi air do mharbhadh leis.” “Cha dean e dheth sin,” arsa Lod, “ach na dh’ fhaodas e. Tòisich thusa air fasgaidh mo chinn, ’s ma thig an cadal orm dìusg mi.” Thubhairt ise ris, “’D é ’s ciall-dùsgaidh dhuit?” [TD 301] [Beurla] [TD 302] “Tha,” ars’ esan, “gu’n toir thu bàrr lùdaig na làimhe d eise dhiom, agus cuiridh tu ’ad phòca i.” Chaidil esan, ’s a cheann air a ghlùin. ’N uair a chunnaic i ’m famhair a’ tighinn thug i ’mach sgian-pheann as a pòca, ’s gheàrr i dheth bàrr na lùdaige. Air a bhonn bha Lod, agus sìos ghabh e do chlachan a’ chladaich a choinneachadh an fhamhair. Tharruing e ’n lorg mhòr, agus thilg e na trì cinn deth. Thug e leis na cinn, agus thilg e air a’ chòcaire chlaon, ruadh iad. An sin thug e ’n crodh ’air, ’s dh’ fhalbh an còcaire claon, ruadh dhachaidh le nighean an rìgh is trì cinn an fhamhair aige. Bha nighean an rìgh aige an so ri ’faotainn. Chaidh là bainnse ’chur a-mach air an son, agus cuireadh a thoirt do mhòran; ach cha d’ fhuair Lod bochd cuireadh idir. Là na bainnse ’n uair a bha iad uile cruinn thubhairt nighean an rìgh, “An d’ fhuair a h-uile duine cuireadh?” Thubhairt an rìgh gu’n robh e ’smuaineachadh gu’n d’ fhuair. Thubhairt ise, “Cha ’n fhaic mi ’m buachaille ’n so.” “Oh! cha ’n fhaod am buachaille gun a bhi ’n so,” ars’ an rìgh; “faighear e gu h-ealamh.” Fhuair ise deise chiatach ùr dha, ’s chaidh a [TD 303] [Beurla] [TD 304] chur ann an uidheam mhath. Cha ’n aithneadh iad a-nis gu’m b’ e ’m buachaille ’bh’ aca idir. Thubhairt an nighean ris an rìgh, “So am fear a shàbhail mise o ’n fhamhair, ’s cha b’ e ’n còcaire claon ruadh.” “’D é ’n dearbhadh a bheir thu dhomh-s’ air a sin?” ars’ an rìgh. Chuir i ’làmh ’n a pòca ’s thug i ’mach bàrr na lùdaige, agus thubhairt i ri Lod, “Sìn an so do làmh dheas.” Chunnaic an rìgh an so gu’n robh mar thubhairt i fìor. Chaidh Lod, mac an aoirein, is nighean an rìgh an sin a phòsadh. Rinn iad banais mhòr, aidhearach, aobhaidh, iongantach; agus mur b’ e ’n là mu dheireadh a b’ fheàrr cha b’ e òirleach a bu mhiosa. Rinn iad teine mòr de ghlas-darach, agus loisg iad an còcaire claon, ruadh. An sin thug Lod leis a bhean agus an rìgh, agus ràinig iad far an robh e ris a’ bhuachailleachd, agus leig e fhaicinn cinn nam famhair ’s na caillich ’s an cuirp. Chaidh iad an sin, agus thug iad leo an t-òr ’s an t-airgiod a bha ’s an uaimh. Thàinig mac Lod a-stigh gu bhi ’n a rìgh air an rìgheachd. [TD 305] [Beurla] [TD 306] IX. AN DÀ DHUIN’ UASAL ÒG. DH’ iarr an dà dhuin’ uasal air an athair a’ chuid a thigeadh orra a thoirt doibh. Thug an athair sin doibh. An sin dh’ fhalbh iad, agus thug iad baile mòr orra. Cha do stad iad gus an do chosd iad na bh’ aca, ’g a itheadh ’s ’g a chluich. Mu dheireadh theirig an cuid, ’s cha robh peighinn aca ach aon cheithir sgillinn a bh’ aig fear dhiubh. Bha iad an sin là ’gabhail sràid ’n an dithis feadh a’ bhaile: agus gu ’d é ’thachair orra ach cailleach a bha creic tùirneap; agus cheannaich iad tùirneap am fear. Thubhairt am fear aig an robh na ceithir sgillinn ris a’ chaillich, “Sin agad mo chuid de’n t-saoghall air mo bhois.” “Och! och!” thubhairt a’ chailleach, “bu mhòr am beud e a leithid de dhuin’ uasal òg, eireachdail a bhi ’n a leithid de chor. Ma théid thu leam-sa ’dh’ ionnsuidh an tighe agam bheir mi dhuit biadh agus leabaidh gus am faic thu gu ’d é ’thachras.” Dh’ fhalbh e leatha ’dh’ ionnsuidh an tighe; ach cha robh a’ chompanach ri dol leis. Bha [TD 307] [Beurla] [TD 308] tigh briagh, grinn aice. Thug i do sheòmar e, ’s thug i cathair dha, ’s dh’ iarr i ’air suidhe. Chaidh bòrd a chur an òrdugh air a bheulaobh le biadh cho math ’s a b’ urrainn duine iarraidh. ’N uair a bha e réidh d’ a bhiadh chuir i ’làmh ’n a pòca, ’s thug i ’mach sporan, agus thug i dha gini, agus thubhairt i ris, “A nis théid thu ’ghabhail sràid mar chì thu freagarrach. Feuch nach bi sgillinn de ’n ghini nach cosd thu mu’n till thu ’dh’ ionnsuidh do dìnnearach.” Dh’ fhalbh e ’n sin a-mach, agus fhuair e ’chompanach, agus thug e dha dàrna leth a’ ghini; agus chosd iad an leth eile. Bha iad a’ sràid-imeachd air an ais ’s air an aghaidh feadh a’ bhaile mar a chunnaic iad iomchuidh. Aig àm dìnnearach thill e ’dh’ ionnsuidh tigh na caillich. An sin thubhairt i ris, “An do chosd thu ’n gini?” “Chosd gu dearbh,” ars’ esan. Ars’ ise, “Cumaidh mise gu leòir a dh’ airgiod riut.” Ghabh e ’n sin a dhìnneir. Chuir a’ chailleach a làmh ’n a sporan, ’s thug i gini eile dha. “Falbh a-nis,” ars’ ise, “is cosd sin, ’s na biodh sgillinn agad dheth ’n uair a thig thu stigh gu d’ shuipeir.” Dh’ fhalbh e ’n sin a-mach, is fhuair e ’chompanach, ’s thug e leth a’ ghini dha, ’s [TD 309] [Beurla] [TD 310] chosd iad an còrr. ’N uair a thàinig am feasgar chaidh e dhachaidh a dh’ ionnsuidh na caillich. Thug i ’n sin a stigh e do sheòmar briagh ’s dh’ iarr i air dol a luidhe. Chaidh e ’luidhe an sin, Feadh na h-oidhche mhothaich e cuid-eigin a’ dol air a chùlaobh ’s an leabaidh; ach cha robh ’fhios aige co ’bh’ ann, agus dh’ fhuirich e sàmhach mar a bh’ aige, agus cha dubhairt e, “Co thu?” Beagan ro bheul an là dh’ éirich an t-aon a bh’ ann, agus dh’ fhalbh e; agus thàinig a’ chailleach a stigh ’s a’ mhaduinn, agus thubhairt i ris, “An d’ fhuair thu cadal math an raoir?” “Oh! fhuair, cadal gasda,” ars’ esan. Fhuair i uisge, siopunn, is searadair dha ’g a ghlanadh fhéin, agus dh’ iarr i air éiridh, gu’m biodh a bhraiceas deas an ùine ghoirrid. Chuir i ’n sin a bhraiceas air a’ bhòrd dha, braiceas nach d’ fhuair e riamh na b’ fheàrr an tigh ’athar. ’N uair a bha bhraiceas aige seachad chuir i ’làmh ’n a pòca, ’s thug i dha gini eile, agus thubhairt i ris, “A-nis rach a-mach, ’s gabh do shràid mar a chi thu freagarrach, agus ’n uair a thig thu stigh gu d’ dhìnneir feuch nach bi sgillinn dheth gun chosd.” Dh’ fhalbh e ’n sin a-mach, ’s fhuair e ’chompanach, ’s thug e ’dhàrna leth dha; ’s chosd iad an leth eile. Thill e gu ’dhìnneir; [TD 311] [Beurla] [TD 312] agus ’n uair a ghabh e ’dhìnneir thug i dha gini eile, ag iarraidh air a chosd, ’s gun sgillinn a bhi aige dheth ’n uair a thilleadh e gu ’shuipeir. Chaidh e ’n sin a-mach, ’s fhuair e ’chompanach, ’s thug e ’dhàrna leth dha, ’s chosd iad an leth eile. Aig àm suipearach thill e stigh, ’s thubhairt a’ chailleach ris, “An do chosd thu na thug mi dhuit?” “Chosd,” ars’ esan. “Tha nis an t-àm agad dol a luidhe,” ars’ ise. Chaidh e ’luidhe an sin, agus mhothaich e mu mheadhon oidhche duine ’dol air a’ chùlaobh mar air an oidhche roimhe. ’N uair a bha e teann air beul an là dh’ éirich an duine ’bh’ ann gu falbh; agus thubhairt an duin’ uasal ris fhéin, “Bithidh fhios agam co thu mu’n leig mi air falbh thu.” ’N uair a bha ’n duine ’bh’ ann a’ dol thar taobh na leapach fhuair e greim air làimh ’air, agus thàinig a’ mhiotag a bh’ air dheth, agus lean an duin’ uasal rithe. Gu ’d é ’bh’ ann ach boirionnach. Chaidil e ’n sin gus an d’ thàinig a’ mhaduinn. N’ uair a’ thàinig a’ mhaduinn thàinig a’ chailleach a-stigh far an robh e, agus dh’ iarr i air éiridh gu h-ealamh, agus a tigh fhàgail. [TD 313] [Beurla] [TD 314] “Carson?” ars’ esan. “’D é ’rinn mi?” “Rinn thu gu leòir orm-sa,” ars’ ise. “An t-aon a bha ’cumail rium-sa gu leòir de dh’ òr ’s de dh’ airgiod chaill mi sin a-nis air do thàileabh-sa. Bi falbh, ’s na faiceam do shùil tuilleadh a-stigh an so.” Cha b’ e so an uair a b’ fheàrr a bha ’n duin’ uasal ’g a fhaicinn fhéin, ’s e ’smuaineachadh gu’n robh fortan a’ tighinn air. Dh’ fhalbh e ’n sin a dh’ fhaicinn a chompanaich. Bha beagan aig a chompanach a ghleidh iad tacan feadh a’ bhaile. Dh’ fhalbh e ’n sin, agus chuir e ’mhiotag ’s leig e pìos dhi ’mach thar beul a phòca. Bha e ’dol troimh shràid ’s a’ bhaile, e-fhéin ’s a chompanach, ’s chunnaic e bean-uasal bhriagh ag amharc thar uinneig air aghaidh na sràide, agus thug i ’n aire do ’n làmhainn. Dh’ fhalbh i ’s chuir i gille ’mach far an robh e a dh’ iarraidh ’air tighinn a bhruidhinn rithe. Chaidh e stigh leis a’ ghille ’n sin. Thug a’ bhean-uasal a-stigh do sheòmar briagh e, ’s chuir i ’n a shuidhe ’n cathair e, agus thubhairt i ris, “C’ àit an d’ fhuair thu ’n làmhainn bhriagh ’bha ’mach air beul a’ phoc’ agad?” “’S math tha ’fhios agad air,” ars’ esan. “Fhuair mi i ann an tigh a’ leithid so de chaillich oidhche ’bha mi ’m luidhe ann.” [TD 315] [Beurla] [TD 316] “Am bheil fhios agad,” ars’ ise, “gur mise ’bha ’n sin air do chùlaobh? Bha mi ’g ad fhaicinn air t-ais ’s air t-aghaidh feadh a’ bhaile, ’s ghabh mi gaol ort, ’s cha robh fhios agam cia-mar a gheibhinn ann am bruidhinn riut, gus an d’ innis mi do’n chaillich mar bha ’chùis; agus thubhairt a’ chailleach, ‘Ni mise dòigh air a sin.’ Ma phòsas tu mise gheibh thu ’h-uile nì ’th’ aig m’ athair an là ’s bàs da, oir ’s mise thig a-stigh air a h-uile nì ’th’ aige. Cha ’n ’eil de chloinn aige ach mi-fhéin.” “Mata,” ars’ esan, “tha sin glé mhath air a ràdhainn; ach cha ’n ’eil stòras sam bith agam-sa.” Thubhairt ise, “Tha trì loingis mhòr’ aig m’ athair eadar so ’s na H-Innsean le luchd a-null ’s le luchd a-nall. ’S e marsanta mòr a th’ ann am athair, aig am bheil mòran stòrais. Innsidh mi-fhéin dhuit cia-mar a thig thu mu’n cuairt air m’ athair gu bruidhinn air mo shon. Cumaidh tu romhad gur fear thu ’bhios a’ ceannach rud sam bith a bhios air chall ’s nach bi forfhais air. Their esan riut, ‘Tha trì loingis agam, agus creicidh mi riut iad, agus ’s leat fhéin iad, iad-fhéin ’s an luchd, ma thig iad, ’s mur tig iad feumaidh tu pàigheadh air an son.’ An sin feòraichidh tu dheth cia meud a tha e ’cur mu’n coinneamh. Bheir mise dhuit a h-uile sgillinn [TD 317] [Beurla] [TD 318] a phàigheas na loingis co dhiubh a thig iad no nach tig. Fhuair mise fios gu bheil na soithichean a’ tighinn; ach cha ’n ’eil fhios aig m’ athair air. Bruidhnidh mise ri m’ athair gu bheil duin’ uasal an sud a tha ’g iarraidh chances de rud sam bith a bhios air chall, ’s nach ’eil fiughair ris.” Dh’ fhalbh i ’n so, agus bhruidhinn i ri ’h-athair, agus thubhairt i ris, “’Athair, tha naigheachd agam dhiubh. Tha duin’ uasal an so, agus ’s fhearra dhuibh na loingis a chreic ris, a chionn nach ’eil fiughair riu gu bheil iad sàbhailte.” “Creicidh mis’ iad,” ars’ esan r’ a nighinn. “C’ àit am bheil e chum gu’m faic mi e?” “Tha e ’n a leithid so de thigh-òsda, ’s cuiridh mise gille g’ a iarraidh,” ars’ ise. “Rachadh sibhse stigh d’ ar seòmar, agus théid an duin’ uasal a-stigh a bhruidhinn ruibh.” Bha ’n duin’ uasal aice-se a-stigh ann an seòmar eile, ach cha do leig i stigh e far an robh a h-athair gus an saoileadh e gu’n d’ thàinig e o ’n tigh-òsda. Chaidh e stigh far an robh a h-athair, agus dh’ iarr a h-athair air suidhe, agus thubhairt e ris, “’D é do naigheachd?” “Cha ’n ’eil agam-sa dad de naigheachd ùr,” ars’ esan. [TD 319] [Beurla] [TD 320] Thubhairt a h-athair ris, “Gu ’d é ’s àbhaist dhuit a bhi deanamh?” Thubhairt an duin’ uasal ris, “Tha mi ’ceannach rud sam bith a bhios air chall ’s nach bi fiughair ri’ fhaotinn.” Thubhairt athair na mna-uaisail ris, “Tha trì loingis agam-sa thairis anns na H-Innsean, agus cha ’n ’eil fhios agam co dhiubh a thig no nach tig iad.” “Gu ’d é,” ars an duin’ uasal, “tha sibh ag iarraidh orra uile, eadar iad-fhéin ’s an luchd.” Thubhairt athair na mna-uasail ris, “Trì fichead mìle.” “’S e mo chuid-sa iad,” ars’ an duin’ uasal; agus fhuair e sgrìobhadh orra. “Bithidh mise ’n so am màireach air a leithid so de dh’ uair g’ ur pàigheadh.” Fhuair an duin’ uasal cothrom air bruidhinn ris a’ mhnaoi-uasail òig, agus air innseadh dhi gu’n do cheannaich e na loingis air a leithid so de phrìs. An là ’r na mhàireach fhuair ise ’n t-airgiod do ’n duin’ uasal. An sin chaidh e far an robh a h-athair, agus phàigh e dha ’n trì fichead mìle, agus fhuair e reseat o athair na mna-uasail. Chaidh an là so seachad. An là ’r na mhàireach ràinig ise ’h-athair, ’s i anabarrach duilich ’n a coltas. Thubhairt a h-athair rithe, “Am bheil dad a’ cur duilichinn ort?” [TD 321] [Beurla] [TD 322] “Tha,” ars’ ise, “agus duilichinn na ’s leòir.” “Gu ’d é ’tha ’cur duilichinn ort?” ars’ esan. “Tha gu’n do chreic sibh na loingis; ’s gu’n d’ fhuair mise fios gu’m bi iad a-stigh an ceann dà là,” ars’ ise. “Cha ’n ’eil atharrach air; tha ’n gnothuch seachd a-nis,” ars’ esan. “Chaill mise ris trì fichead mìle co dhiubh.” Bha e-fhéin ’s a nighean a bruidhinn eatorra mu’n ghnothuch gu’m bu duilich mar thachair. Thubhairt a h-athair, “Cuiridh sinn fios ’air e ’thighinn an so gu bheil toil agam-sa bruidhinn ris.” Chaidh fios a chur air an sin, is thàinig e. Thubhairt a h-athair ris, “Tha thu ann am buidhinn mhath dhiom-sa. Am bheil thu pòsda?” Thubhairt an duin’ uasal ris, “Cha ’n ’eil gu dearbh.” Thubhairt an seann duine, “Am bheil thu ann ad sgoilear math?” Thubhairt an duin’ uasal ris, “Dhaoite gu bheil fear a’s fheàrr, agus dhaoite gu bheil fear a’s miosa na mi: ni mi mo rathad leis na th’ agam taobh sam bith a ghabhas mi.” “Tha agam-sa aon nighean,” ars’ an seann duine, “agus ma phòsas tu i gheibh thu a h-uile [TD 323] [Beurla] [TD 324] nì a th’ agam-sa ’n là ’s bàs dhombh-sa.” An sin thug e dha paipeir, peann, is inc, agus thubhairt e, “Leig fhaicinn do làmh-sgrìobhaidh.” ’N uair a chunnaic e ’làmh-sgrìobhaidh chòrd i ris anabarrach math. Ars’ an duin’ uasal òg, “Tha sibh a’ labhairt glé cheart, ach cha ’n ’eil fhios agam-sa an gabh a’ bhean-uasal mi.” Thubhairt a h-athair, “Cuiridh sinn fios orra, ’s cuiridh mis’ a’ cheist orra.” Thàinig a’ bhean-uasal òg a-stigh an sin, agus thubhairt a h-athair rithe, “Am bi thu toileach an duin’ uasal so a phòsadh? Fhuair e cheana mòran de m’ chuid, agus ma phòsas tus’ e gheibh sibh a h-uile nì a th’ agam an là ’s bàs dhomh-sa.” Thubhairt ise, “Cha ’n ’eil fhios agam-sa am pòs e mi.” Chuir e ’cheist air-san an robh e toileach a nighean a phòsadh; agus thubhairt e gu’n robh. Fhuair a h-athair sgrìobhadh air a so gu’n robh iad toileach taobh air thaobh. Thàinig na loingis a-stigh sàbhailte an ceann a dhà no thrì làithean. Chaidh an duin’ uasal òg, agus ghabh e liubhairt annta. Chaidh an luchd a chur a-mach asda. Bu leis a-nis na trì loingis. Chaidh an sin là ’chur a-mach air-son pòsaidh. ’N uair a thàinig an là chaidh am pòsadh le ministear. An déidh a’ phòsaidh ràinig e ’chompanach, agus thug e ’dh’ ionnsuidh an tighe e còmhla [TD 325] [Beurla] [TD 326] ris gu dìnneir; agus bha oidhche chridheil, shunndach aca; agus thug e dha beagan airgid a chumadh e car ghreis, agus thug e comhairl’ ’air e ’dh’ fhàs glic, agus gu’n robh e ’n dòchas gu’n tionndadh e ’mach dha mar a thionndaidh e dha-san. Chaidh a chompanach an sin do ludgins, agus dh’ fhuirich e ’n sin gus an do chosd e na bh’ aige. ’N uair a theirig a chuid cha robh fhios aige ’d é ’dheanadh e. Smaoinich e ’n sin gu’m falbhadh e, agus gu’m fàgadh e ’m baile dh’ fheuch an tachradh fortan ’air, ’s e ’cur iomhchoir’ air fhéin gu fuathasach gu’n d’ fhàg e tigh ’athar, ’s gu’m faodadh e ’bhi gu math an sin a chionn gu’m faigheadh e na bh’ aig ’athair aig a’ cheann mu dheireadh. Ghabh e air ’aghaidh a-mach air an dùthaich, ’s gun nì aige. Ràinig e mu dheireadh tigh gàrnalair làmh ri tigh duin’ uasail. Chaidh e stigh, ’s thubhairt e ri bean a’ ghàrnalair am faigheadh e cuid na h-oidhche aige. Thubhairt i ris, “Gu dearbh gheibh air-son do dheadh choltais.” ’N uair a thàinig am feasgar thàinig an gàrnalair dhachaidh as a’ ghàradh; agus bruidhinn an gàrnalair ris, agus thaitinn e ris gu h-anarrabach math. Dh’ innis an duin’ uasal òg a h-uile nì mar a dh’ éirich dha. “Dh’ fhaodainn-sa ’bhi gu math dheth mur [TD 327] [Beurla] [TD 328] bhi mo ghòraiche fhéin,” ars’ esan. “U,” arsa bean a’ ghàrnalair, “gleidh suas do mhisneach. Cha ’n ’eil fhios cia-mar a thionndaidheas cùisean a-mach dhuit fhathast. Cha ’n ’eil thu ach òg.” Thubhairt an gàrnalair ris, “Ma théid thu còmhla rium-sa ’dh’ obair ’s a’ ghàradh gheibh thu pàigheadh, biadh, is leaba cho fada ’s a dh’ fhanas tu, gus an tachair rud a’s fheàrr ort.” “Tha cho math dhomh ’fheuchainn greis co dhiubh,” ars’ an duin’ uasal òg. An là ’r na mhàireach chaidh e ’dh’ obair ’s a’ ghàradh; ’s bha e ’còrdadh gu math ris a ghàrnalair mar bha e ’deanamh. Bha là faighreach ri ’ghleidheadh goirrid o ’n àite aig an àm so; agus bha ’n gàrnalair a’ dol a dh’ ionnsuidh’ na faighreach. Thubhairt bean a’ ghàrnalair ris an duin’ uasal, “Nach fhearra dhuit-sa dol leis a’ ghàrnalair a dh’ ionnsuidh na faighreach!” “’D é ’ni mis’ ann?” ars’ esan: “cha ’n fhaic mi duin’ ann a dh’ aithneas mi.” “U! théid thu ann co dhiubh,” ars’ ise. Dh’ fhalbh i, ’s chuir i aodach cho math ’s a b’ urrainn di fhaotuinn ’air, oir bha ’n t-aodach aige fhéin air fàs lom, sean, air dhòigh ’s nach freagradh e do duine d’ a choltas a dhol am measg cuideachd. Dh’ fhalbh e-fhéin ’s an gàrnalair a dh’ ionnsuidh na faighreach. Cha ’n [TD 329] [Beurla] [TD 330] fhac e duin’ air an fhaighir a dh’ aithnich e, no ’thubhairt ris, “Co thu?” Thàinig e-fhéin ’s an gàrnalair dhachaidh ’s an fheasgar. An là ’r na mhàireach thàinig litir a dh’ ionnsuidh a’ ghàrnalair a’ feòraich an robh a leithid so de dhuin’ uasal aige, gu’n robh e ri dol a chumail caonnaig ri duin’ uasal eile le claidheamh, Thubhairt an duin’ uasal ris a’ ghàrnalair, “Cha ’n ’eil fhios gu ’d é ’m fear a bhios an sin.” Thubhairt an gàrnalair nach ròbh fhios aige-san. Thubhairt an duin’ uasal, “Cha téid mis’ ann.” “Théid thu ann, agus feumaidh tu dol ann,” arsa bean a’ ghàrnalair, “agus bheir mise dhuit claidheamh agus each cho math ’s a ghabhas faotuinn.” An là ’r na mhàireach chaidh an t-each ’s an claidheamh fhaotuinn da, agus a dhressadh gu h-anabarrach. Ràinig e ’n t-àite ’bh’ air a chur a-mach air-son na caonnaig, agus chunnaic e ’n duin’ uasal eile ’tighinn, agus an deàrsadh a bha o’ chlaidheamh chitheadh e mìl’ air astar e. Choinnich an dà ghaisgeach a chéile ’n sin. Thubhairt an duin’ uasal eile ri gill’ a’ ghàrnalair, “Am bheil thu ’n so, ’ille ghàrnalair?” “Tha,” arsa gille ghàrnalair: “gu ’d é ’th’ agad ri ràdh ris?” [TD 331] [Beurla] [TD 332] “Am bheil thu air-son thu-fhèin fheuchainn an diugh?” ars’ an duin’ uasal eile ri gill’ a’ ghàrnalair. “Tha,” arsa gill’ a’ ghàrnalair; “’s e sin a thug an so mi.” “Tha mi toileach an gnothuch a leigeil seachad an diugh,” ars’ an duin’ uasal eile, “ach cuiridh mi fios ort am màireach.” Dh’ fhàg an dithis là math aig a chéile, ’s thill gill’ a’ ghàrnalair dhachaidh. Thubhairt bean a’ ghàrnalair ris a’ ghille, “Cia-mar a chaidh dhuit an diugh?” Thubhairt an gille rithe, “Chaidh gu math: cha ’n ’eil an sud ach fìor ghealtaire.” An là ’r na mhàireach thàinig litir a dh’ ionnsuidh gill’ a’ ghàrnalair gu’n robh a leithid so de dhuin’ uasal ’g a iarraidh. Ràinig e ’n duin’ uasal. Chaidh e stigh d’ a thigh, is thàinig an duin’ uasal mòr far an robh e, agus thubhairt e, “Am bheil thu ’n so, ’ille ghàrnalair?” “Tha mi, ’s ’d é ’th’ agad-sa ri ràdh rium?” arsa gill’ a’ ghàrnalair. Dh’ fhosgail an duin’ uasal dorus seòmair, ’s thubhairt e, “Thig a-stigh an so.” ’N uair a fhuair e stigh e thubhairt e ris, “Fan thusa ’n sin gus an tig binn do chrochaidh a-mach,” ’s dhùin e ’n dorus ’air. [TD 333] [Beurla] [TD 334] Cha robh ’fhios aige an sin gu ’d é ’dheanadh no ’theireadh e. ’N uair a bha e sgìth a’ feitheamh bhuail e aig an dorus, agus thubhairt e ri muinntir an tighe an darna fios a thoirt da ’d é ’bha iad a’dol a dheanamh ris. Dh’ fhosgail an duin’ uasal an sin an dorus, agus thubhairt e ris, “Tha mi ’faicinn gur saighdear math thu. Tha mi ’dol a bhruidhinn riut. Bha thu air an fhaighir an là roimhid, agus bha nighean leam-sa air an fhaighir, agus ghabh i gaol ort, agus cha robh fhios agam co dhiubh ’s e saighdear no gealtaire ’bh’ annad. Ma phòsas tu mo nighean gheibh thu na bheil agam de stòras; agus tha mòran stòrais agam.” “Thà sin gu toil na mna-uasail fhéin,” arsa gill’ a’ ghàrnalair. “Am bheil thu ’d sgoileir?” ars’ an duin’ uasal. “Tha mi ’m dheadh sgoilear,” arsa gill’ a’ ghàrnalair. “Leig fhaicinn domh do làmh-sgrìobhaidh,” ars’ an duin’ uasal. Leig gill’ a’ ghàrnalair fhaicinn i. “Tha thu taghta air an sgrìobhadh,” ars’ an duin’ uasal. Thug e ’n sin leis e sìos do sheòmar eile far an robh a’ bhean-uasal, agus dh’ fheòraich e de ’n dithis an robh iad toileach a chéile ’phòsadh. Thubhairt iad gu’n robh. Fhuaradh ministear, [TD 335] [Beurla] [TD 336] agus chaidh am pòsadh. An là ’r na mhàireach thug e suas e gu cnoc àrd a bha os ceann an tighe, agus thubhairt e ris, “Cho fad ’s a chì thu uait ’s leat-sa agus le m’ nighinn an là ’s bàs dhomh-sa.” Chuir e ’n sin fios air a’ ghàrnalair, agus thug e d’ a ghàradh fhéin e a dh’ obair. [TD 337] [Beurla] [TD 338] X. SGEULACHD MHÀNUIS ÒIG, MAC RÌGH LOCHLAINN. ’N UAIR a rugadh Mànus agus a chuir a mhàthair air a glùn é los cìoch a thoirt dà thàrladh a’ cheud sgobag a thug e ’aiste gu’n d’ thug e ’chìoch ’s an cridhe a mhàthair, ’s bha i marbh. Fhuair an rìgh an sin ban-altrum dha, ach rinn e ’cheart leithid oirre, agus mar an ceudna air leth-cheud eile. Thug ’athair an sin thairis e do’n ghàirneileir a chum deanamh ris mar chitheadh e iomchuidh; ach a h-uile ban-altrum a gheibheadh an gàirneilear mharbhadh Mànus le aon sgobag a thoirt a ’cìch. Latha de na làithean thàinig Bean-chaol-a-chota-uaine an rathad, a thairg a bhi ’n a ban-altrum da air duais, ’s e sin, an dara leth as na bh’ aige ris an t-saoghal. Dh’ aontaich an gàirneilear gu toileach. Dh’ iarr a’ bhean air e dh’ fhaotainn di trì builionnan cruineachd, trì searragan fìona, agus seachdnar fhear làidir,—ceatharnaich na tìre. Fhuair e sin di, agus dh’ ith i builionn is dh’ òl i botul: chaidh i air a glùn agus dh’ earalaich i air an t-seachdnar [TD 339] [Beurla] [TD 340] greim a dheanamh orra, agus a cumail fodha fhad ’s a bhiodh Mànus ’g a deothal. Rinn iad sin, ach a’ cheud sgobag a thug esan as a’ chìch sgap a’ bhean feadh an tighe an t-seachdnar. “An iad so na daoine làidir,” ars’ ise, “’n uair nach cumadh iad spìontag bhoirionnaich fòpa?” Dh’ ith i builionn is dh’ òl i botul fìona eile, agus thubhairt i ris na fir, “Gleidhibh fodha mi a nis ma ’s urrainn duibh.” Chaidh iad ’n a caraibh is dh’ fheuch iad a rithist, ach an ath sgobag a thug Mànus sgap i air falbh iad an dara uair. “Obh! obh!” ars’ ise, “an iad so na ceatharnaich ghramail, làidir a th’ agad.” Dh’ ith i builionn is dh’ òl i botul fìona eile, agus thubhairt i ris na fir, “A nis, ’fheara, ma rinn sibh riamh e gleidhibh fodha mi an dràsta dh’ fheuch am faigh e aon sgobag eile.” Chaidh i air a glùn, ghlac na fir i, agus fhuair Mànus an sgobag; ach thilg ise na daoine air feadh an tighe mar gu’m biodh ann cuileagan, is dh’ éirich i ’n a seasamh. “A nis,” ars’ ise, “tha e ullamh cìche.” Chaidh an gille air choiseachd, agus a’ chuid nach cinneadh air an latha chinneadh air an oidhche. Thubhairt Bean-chaol-a-chota-uaine ris a’ ghàirneileir, “Pàidh dhomh mo thuarasdal.” [TD 341] [Beurla] [TD 342] “Nì mi sin; gheibh thu mo chuid an t-saoghal,” ars’ esan. “Gu’n robh math agad, a dhuine bhochd,” ars’ ise: “cha ghabh mi nì uait: pàidhidh mo dhalta fhéin dhomh fathast e.” Dh’ fhan i ùine bheag còmhla ris an déigh sin; agus an uair a bha ’n gille a’ cluich ’s a’ ruideanaich feadh an àite, thubhairt i gu’n robh an t-àm aice falbh; agus dh’ iarr i air a’ ghàirneilear is air Mànus dol còmhla rithe greis an rathad. Dh’ fhalbh iad; agus mar a bha iad ag imeachd thun a’ chladaich thàinig iad gu bearradh stallachan chreagan àrda; rug i air a’ ghille, agus thilg i leis e, ’s cha ’n fhacas an dara sealladh dhi tuilleadh. Bha ’n gàirneilear an sin gu brònach; cha robh fhios aige ciod a dheanadh e. Mu dheireadh fhuair e bealach leis an do theirinn e gu bun nan stallachan. Sheall e shìos is sheall e shuas dh’ fheuch am faigheadh e a bheò no ’mharbh. Sùil g’ an d’ thug e gu dé a b’ iongantaiche leis na Mànus fhaicinn ag iomain air an tràigh shìos fodha le caman òir is ball airgid a thug a mhuime dha. Thug an gàirneileir leis dhachaidh e agus ghleidh e seachd bliadhna e. An sin thug an rìgh cuireadh do dh’ àrd-uaislean Lochlainn gu cuirm thighinn dachaidh a mhic. ’N uair a shuidhicheadh a’ chuirm ’s a [TD 343] [Beurla] [TD 344] thàinig e dhachaidh bha ’athair ’s na h-aoidhean ro mhoiteil uime, làn aidhir is subhachais. Ach ann an teas na cuirme thàinig caismeachd beum-sgéithe air faiche na lùchairt o Ghruagaich-a-chota-uaine ’s na gruaige duinne, is dh’ eubh i cath no còmhrag a chumail rithe-se air-neo Mànus òg, mac rìgh Lochlainn a chur a mach h-uice. ’S e sid a gheibheadh i, ’s cha b’ e Mànus. Chuireadh a mach trì cheud lùth ghaisgeach, trì cheud làn ghaisgeach, is trì cheud treun ghaisgeach, is chuir i as do na h-uile aon diubh. Dh’ eubh i a rithist cath no còmhrag no Mànus òg, mac rìgh Lochlainn. ’S e còmhrag a gheibheadh i ’s cha b’ e Mànus. Chuireadh a mach uiread eile an dara uair, agus rinn i a chionna chiadna orra. Dh’ eubh i a rithist. ’N uair a chunnaic Mànus a leithid de chall ann thubhairt e, “’Athair, is mise ’tha i ’g iarraidh agus théid mi mach.” “O! gu ’d é ’ni thusa, ’laochain?” ars’ ’athair. “Ge b’ air bith ’d é ’ni mi théid mi mach.” Dh’ fhalbh e: choinnich iad. “Seadh, a Mhànuis, thàinig thu mu dheireadh. Co dhiubh is fheàrr leat gleachd no còmhrag?” “’S fheàrr leam-sa gleachd fhéin: ’s i a’s mo ’chleachd mi.” Rug iad air a chéile an uair sin. Dheanadh iad a’ bhogain a bhogain, a’ chreagain a’ chreagain: [TD 345] [Beurla] [TD 346] far am bu bhuige an rachadh iad fodha rachadh iad fodha gu’n sùilean, is far am bu chruaidhe an rachadh iad fodha rachadh iad fodha gu’n glùinean. Ach anns na cuir a bh’ ann chuir ise air a ghlùn e. “Ad! ad!” ars’ esan, “mac rìgh air a glùn: leig air a chois e.” “A Mhànuis,” ars’ ise, “cha deachaidh air a ghlùn nach deachaidh air ’uilinn; ach cha dean sinn tuilleadh gleachd an dràsta; ach cuiridh mi fo gheasaibh thu. Tha mise ’cur ort mar gheasaibh, ’s mar chroisibh, ’s mar naoidh buaraichean mnatha sìthe, siùbhla, seacharain, laochan beag a’s meataiche ’s a’s mi-theòiriche na thu féin a thoirt a’ chinn, ’s nan cluas, ’s nan comada beatha dhiot, mur faigh thu mach fios do mhuime. So dhuit slatag; agus ’n uair a bhuaileas tu air creig i leumaidh long fo thrì chrannaibh air sàile dhuit.” Dh’ fhabh i, ’s cha robh an t-ath shealladh r’ a fhaicinn dith. Thill Mànus thun na cuirme, agus leag e ’uileann air a’ bhòrd, agus leig e osnadh as. Thubhairt ’athair ris, “Osnadh mac rìgh fo gheasaibh!” “’S e,” arsa Mànus. “’D é na geasan a chuir i ort?” “Tha fios mo mhuime ’fhaotainn.” “Tut! is fhurasda sin fhaotainn,” ars’ an rìgh. “Tha fios aig a’ ghàirneileir ’air.” [TD 347] [Beurla] [TD 348] Fhuaradh an gàirneileir airson na geasaibh a thogail bhàrr Mhànuis; ach cha robh fios aige-san cia as a thàinig, co i, no c’ àit an deachaidh Bean-chaol-a-chòta-uaine. An là ’r na mhàireach thog Mànus ’air a dh’ fhaotainn fios a mhuime. Thug e leis aon ghille. Ràinig iad an cladach. Bhuail e ’n t-slatag air creig, agus leum long mhòr thrì chrann fo làn uidheam a mach air fairge fo ’n casan. Thog iad an sin na siùil bhreaca, bhaidealach an aghaidh nan crann fada, fulangach; is cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh, a’ caitheamh na fairge fulcanaich, falcanaich, leobhar ghuirme, leobhar dheirge Lochlannaich. ’S e bu cheòl tàimh dhoibh beuchdail mhuc is rànaich thorc, a’ mhuc a bu mhotha ag itheadh na muice ’bu lugha ’s a’ mhuc a bu lugha ’deanamh mar a dh’ fhaodadh i. Shéid an sgairt ghaoth ghreannach o mhullach nam beann gu ìochdar nan gleann, a’ spìonadh an t-seilich òig as a bhun ’s as a fhreumhaichean. Bha lùbartaich easgann, bha sgreadartaich fhaoileann: bha slatan-mara ’deanamh lagan ’n a druim. An fhaochag chrom, chiar, a bha seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i fead air a beul-mòr is cnag air a h-ùrlar aig fìor fheabhas a stiùiridh. Dheanadh an t-òigear stiùir ’n a deireadh is [TD 349] [Beurla] [TD 350] ball siùil ’n a toiseach, is iomairt air clàr tàileisg ’n a seòmar meadhoin. Dh’ iarr e air à’ ghille sealltuinn suas gu ’d é an t-astar a bh’ aice. “Tha i cho luath ri fiadh an t-sléibhe.” “Cha ’n astar leam sin di,” ars’ esan. “Cuir tuilleadh aodaich rithe.” Thog iad an sin na siùil bhreaca, bhaidealacha, dhìonach ri crannaibh fiùthaidh, fada, feadanta; is cha robh crann gun lùbadh, etc. Dh’ iarr e air a’ ghilie rithist sealltuinn suas gu ’d é ’n t-astar a bh’ aice. “Beiridh i air a’ ghaoth luath Mhàirt a tha roimpe, ’s a’ ghaoth luath Mhàirt a tha ’n a déigh cha bheir i oirre.” “Cha ’n astar leam sin di. Cuir tuilleadh aodaich rithe.” Thog iad an sin na siùil, etc. Dh’ iarr e rithist air a’ ghille sealltuinn suas gu ’d é ’n t-astar a bh’ aice. “Tha i cho luath ri aigne nam ban baoth,” ars’ an gille. “Foghnaidh sin di. Tha gu leòir rithe,” thubhairt Mànus. Dh’ eubh e rithist e shealltuinn suas am faiceadh e fearann. “Tha mi ’faicinn tìr bheag, ach mas tìr bheag is tìr mhòr i.” “Stiùiridh sinn oirre.” [TD 351] [Beurla] [TD 352] ’N uair a ràinig iad port rug e air sgròban air an luing is tharruing e suas i far nach biodh beadagain a’ bhaile mhòir a’ magadh no sgeig oirre, is far nach sgreubhadh grian ’s nach grodadh uisg’ i. Chaidh e suas air feadh an àite. Thàinig an oidhch’ ’air. Chunnaic e aitreabh mhòr, bhriagh air a soillseachadh le dreòs na céire deàrsaich, loinnearaich. Chaidh e stigh, agus dh’ amais seòmar fada, farsuing ’air is bòrd air a chuibhrigeadh leis gach seòrsa bidhe, air an robh dà bhuillonn deug chruineachd agus dà mhias deug bidhe annasaich. Thug Mànus greim as gach builinn agus balgum as gach méis, agus dh’ fhalaich e e-féin ann an cùil, oir cha robh duine stigh no r’ a fhaicinn. Gun dàil thàinig na fir mhòra dhachaidh. Shuidh iad mu’n bhòrd, agus thubhairt a h-uile fear riamh, “Tha greim as mo bhuilinn-sa.” Thubhairt am Fear Ruadh, an ceannard a bh’ orra, “Tha sin as mo thé-sa cuideachd; ach seallaibh air a shon is faighibh e, oir cha d’ fhàg e so fathast.” Fhuair iad e am falach, agus thog fear dhiubh air a bhois e, is bha iad ’g a chur o làimh gu làimh gus mu dheireadh na chuir iad ’n a sheasamh air a’ bhòrd e, is cha ’n fhac’ iad duineachan cho beag, bòidheach, coltach ris. Ghabh iad am [TD 353] [Beurla] [TD 354] biadh agus chaidh iad a chadal, ach cha robh an cadal a’ tighinn air an Fhear Ruadh. Thubhairt e ri Mànus, “Innis naigheachd no gabh sgeulachd dh’ fheuch an tig cadal orm.” Thòisich Mànus agus ghabh e sgeulachd da, is fhuair am Fear Ruadh cadal. Cha robh e fada ’n a chadal ’n uair a dhùisg e. “Mata, ’laochain, cha d’ fhuair mi an uiread ud de chadal o cheann sheachd bliadhna,” ars’ esan. “Innis naigheachd no gabh sgeulachd eile, is bi’dh a’ bhuaidh ’s a’ bheannachd dhuit.” Ghabh Mànus an ath sgeulachd, agus fhuair am Fear Ruadh lochdan eile cadail. Dhùisg e, “Sid an cadal a b’ fheàrr a fhuair mi o cheann là ’s seachd bliadhna; na’m faighinn lochdan eile bhithinn ceart deth. Gabh sgeulachd eile, ’Mhànuis.” “Innis féin naigheachd dhomh-sa gu ’d é ’bha ’g ad chumail gun chadal fad na h-ùine sin.” “Innsidh mi sin,” ars’ am Fear Ruadh. “Tha mi ’cogadh ri trì fuamhairean mòra agus am màthair ’s ri ’n cuid sluaigh o cheann sheachd bliadhna le ’n deich ceud lùth ghaisgeach, deich ceud làn ghaisgeach, agus deich ceud treun ghaisgeach, agus mar mharbhas sinn ’s an latha tha iad a tighinn beò ’s an oidhche, agus a’ cumail cogaidh a h-uile latha, ’s iad a fàsachadh na rìoghachd; agus bha e ’s an [TD 355] [Beurla] [TD 356] tailgeannach* gu’m mair sin gus an tig mac peathar dhomh-sa, Mànus, mac rìgh Lochlainn, a chuireadh as doibh, ach cha ’n ’eil e ach òg fathast.” “Is mis’ e,” thubhairt Mànus. “Ciod! thusa, ’shìochaire leibideach. Bi ’ad thosd, ’s na biodh droch oilean ort; ach gabh sgeulachd eile dh’ fheuch am faigh mi lochdan cadail.” Rinn e sin, ’s ’n uair a fhuair e ’n a chadal e tharruing e leis an claidheamh a bh’ aig bràthair a mhàthar air bruaich na leapach, agus thug e air falbh air a dh’ ionnsuidh na h-àrfhaich. Leig e e-féin ’n a shìneadh am measg nan daoine marbha. Cha robh e ro fhada an sin ’n uair a chunnaic e fuamhair mòr, iargalta, duaichnidh a’ tighinn is ballan-ath-bheothachaidh aige airson iadsan a bha gun deò a dhùsgadh ’s a thoirt beò, agus e ’glaodhaich, “Am bheil duine beò ’n ur measg a chuidicheas leam no leis an cuidich mi?” Fhreagair Mànus gu tiamhaidh, truagh, “Ma chuidicheas tu leam cuidichidh mi leat.” “Thig a nall an so ’s gu’n cuirinn mo mheur ad bheul.” * This word is elsewhere spelt Tairgneachd and targanach. [TD 357] [Beurla] [TD 358] “Thig fhéin a nall an so, ’s tu a’s comasaiche.” “Ciamar, a dhuine thruaigh, a dh’ fhàgadh thusa beò?” “Cha ’n ’eil fhios agam, ach dh’ fhàgadh mi.” Thum am fuamhair a mheur ’s a’ bhallan is dh’ iarr e air Mànus a bheul fhosgladh, is chuir e ’chorrag ’n a bheul. Thug Mànus sgrog is fàsgadh oirre. “Ad! ad! a shlaightir, cha bhi mo mheur-sa a nasgaidh dhuit. Bha e ’s an tailgeannach gu’n deanadh Mànus, mac rìgh Lochlainn so, ach cha dean thus’ orm e. Co dhiubh a’s fheàrr leat gleachd no còmhrag?” “Is fheàrr leam gleachd fhéin, oir is i is motha ’chleachd mi,” thubhairt Mànus, ’s e ’g éiridh. Shìn Mànus a ghàirdeanan boga, bàna mu thaobhan seanndaidh, cairtidh an fhuamhair, agus shìn am fuamhair a sheann ghàirdeanan ciara, seargta mu thaobhan geala, mìne Mhànuis; is dheanadh iad a bhogain a bhogain, a chreagain a chreagain, tobar fionna fìor-uisge; far am bu bhuige an rachadh iad fodha rachadh iad fodha gu’n sùilean, is far am bu chruaidh’ an rachadh iad fodha rachadh iad fodha gu’n glùinean; ach ’n uair a chuimhnich Mànus gu’n robh e fada bho chàirdean is goirid d’ a naimh- [TD 359] [Beurla] [TD 360] dean, thug e ’n togail bheag, shunndach, eutrom, aidhearach dha, is bristear gàirdean fodha is aisinn os a cheann. Thog e ’chlaidheamh. “Bàs os do cheann, a bhodaich. Gu ’d é t-éirig?” “Is mòr sin,” ars’ esan, “ach ’s suarach mise seach mo bhràthair. Leig mo bheatha leam, oir tha bràthair agam a’ tighinn a tha fada na’s motha ’s na’s treise na mise, agus cuidichidh mi leat ’n a aghaidh.” “Cha ’n iarrar do chuideachadh,” arsa Mànus; agus sgath e dheth na còig cinn. Leig e e-féin ’n a shìneadh ’s an àrfhaich, ’s e sgìth. Chunnaic e ’n dàrna fuamhair a’ tighinn. ’S e bu mhotha ’s a bu ghràinde na ’cheud fhear, is thòisich e air càineadh a bhràthar a chionn nach do bheothaich e na daoine. “Tha thus’ air falbh a’ suiridhe air clann rìghrean is ridirean, is dh’ fhàg thu agam-sa an obair so r’ a deanamh; ach am bheil duine idir beò an sin a chuidicheas leam no leis an cuidich mi?” Thubhairt Mànus le osnadh thruim, “Ma chuidicheas tu mi cuidichidh mi thu.” “O! dhuine bhochd! ciamar a dh’ fhàgadh thusa beò? Thig a nall an so ’s gu’n cuirinn mo mheur ’ad bheul.” “Cha ’n urrainn mi: thig fhéin an so; ’s tu ’s fheàrr is urrainn.” [TD 361] [Beurla] [TD 362] ’N uair a chuir e ’mheur ’n a bheul thug Mànus fàsgadh oirre; agus thuig am fuamhair co ’bh’ ann, agus gu’n do mharbh e ’bhràthair, is thubhairt e, “Bha so ’s an tailgeannach. Cha bhi bàs mo bhràthar a nasgaidh dhuit. Ged mharbh thu esan cha mharbh thu mise. Co dhiubh a’s fheàrr leat gleachd no còmhrag?” Ceart mar thachair do’n cheud fhear thachair do’n dàrna fear, agus sgath Mànus na còig cinn dheth. An sin leig e e-féin ’n a shìneadh ’s an àrfhaich a dh’ fheitheamh an treasa fuamhaire; agus ’n uair a thàinig e ’m fagus ’s e bu mhotha, a b’ oilteile, ’s a b’ fhiadhaiche nan dithis eile. Agus o’n nach robh na daoine air am beothachadh chàin is smàd e ’dhà bhràthair. “Mo nàire! mo nàire oirbh! air falbh as déigh chlann rìgh is ridirean ’n uair bu chòir iad so ’bhi air an ath-bheothachadh, agus an obair so gun deanamh. Bheir mis’ oirbh nach buidhe dhuibh. Am bheil duine beò an sin a chuidicheas mise no a chuidichinn.” “Tha mise ’n so,” thubhairt Mànus. “Thig a nall ’s gu’n cuirinn mo mheur ’ad bheul.” “O! cha ’n urrainn mi: thig fhéin an so.” Thàinig am fuamhair, ’s chuir e ’mheur ’n a bheul ’s thug esan fàsgadh orra. “Ad! ad! a shlaightir. Is tusa Mànus, mac rìgh Lochlainn. [TD 363] [Beurla] [TD 364] S fhada ona bha ’s an tailgeannach gu’n tigadh tu; ach ged mharbh thu mo dhà bhràthair cha mharbh thu mise, ’s cha bhi am bàs a nasgaidh dhuit. Co dhiubh a’s fheàrr leat gleachd no còmhrag?” “Gleachd fhéin, oir is i ’s motha ’chleachd mi.” Shìn Mànus a dhà ghàirdean bhoga, gheala mu thaobha cairtidh an fhuamhair, is shìn am fuamhair a dhà ghàirdean chruaidh, chairtidh mu thaobha boga Mhànuis, is dheanadh iad a bhogain a bhogain, a chreagain a chreagain, etc. Chuir Mànus fodha e. “Bàs os do cheann: gu ’d é t-éirig?” “Is mòr sin, ach is suarach mise no mo bhràthairean uile seach mo mhàthair ’n uair a thig i. Na’n leigedh tu mise ’m sheasamh chuidichinn leat agus dh’ innisinn duit an dòigh mharbhaidh a th’ oirre.” “Innis sin an toiseach.” “Tha ball-dòrain fo n’ chìch dheis aice, agus mur amais thu sin cha ghabh i marbhadh.” “Cha bhi thusa ’g innseadh sgeòil ciamar a dh’ éireas dhomh-sa,” thubhairt Mànus, agus chuir e na còig cinn deth. Leig e ’n sin’ anail. Agus ’n uair a bha e dlùthachadh air an latha chunnaic e ban-uamhair a’ tighinn, ’s i ’glaodhaich r’ a cloinn, ‘Ca bheil sibh? Tha [TD 365] [Beurla] [TD 366] sibhse mar is àbhaist a’ suiridhe air clann rìgh is ridirean, ’s cha do bheothaich sibh na daoine fathast. Am bheil duine beò an sin a nì còmhnadh leam?” “Tha mise ’n so”, thubhairt Mànus. Thuig a’ chailleach mar bha, agus thairg i cath no còmhrag dha. Thòisich ’a chòmhrag agus fhuair e strì mhòr rithe. Mu dheireadh chuimsich e ’m ball-dòrain, agus leag e i; ach chumadh i còmhrag ris ’n a sìneadh. Mar a sgathadh e ceann dhith leumadh ceann oirre; agus bha e ’g a shàrachadh. Thàinig guth os a’ cheann, “Cum do lann air an amhaich gus am fuaraich an fhuil ’s an reòth an smior.” Rinn e sin, ’s chuir e as do na fuamhairean uile. Bha e ’n sin sgìth is shuidh e, ’n uair a thàinig clàrsairean a chluich ciùil da los a chur ’n a chadal. Dh’ éirich e is mharbh e na clàrsairean, ach cha luaithe a shuidheadh e na bhiodh iad beò a rithist, ’s iad a’ cluich dha. Chum iad fada mar so, is theab iad a chlaoidh a mach, gus mu dheireadh an d’ thàinig guth os a cheann a dh’ innis dha nach rachadh aige air na clàrsairean a mharbhadh ceart gus an gabhadh e còrr an clàrsaichean fhéin doibh. Rinn e sin, is chuir e as doibh uile. Leig e e-fhéin ’n a shìneadh ’s an àrfhaich. [TD 367] [Beurla] [TD 368] ’N uair a dhùisg bràthair a mhàthar bha ’n latha geal ann. Dh’ ionndrainn e ’chlaidheamh, ’s cha robh sgeul air Mànus. Dh’ fhalbh e ’dh’ ionnsuidh a’ bhlàir, agus mar bha e ’tighinn air ’adhart cha robh e ’faicinn creutair a’ carachadh. Dhìrich e ’n a ghribhinich anns an athar, agus feuch bha ’n àrfhaich làn chorp mar dh’ fhàg e ’n dé i. ’N uair a mhothaich Mànus a’ bhéist ghrànnda os a cheann shaoil leis gur tuilleadh feargnaidh a bh’ ann, agus dh’ éirich e ’n a sheasamh deas gu cath; ach ’n uair a chunnaic bràthair a mhàthar co ’bh’ aige thàinig e nuas le mòr thoileachas is othail, oir chreid e nis gur h-e Mànus a bh’ ann gun teagamh. Chaidh iad dhachaidh, is fhios aige air ceann a shaoid ’s a shiubhail. Thog iad orra an sin a dh’ fhaotainn fios a mhuime. ’N uair a ràinig iad an caisteal ’s an robh i rinn i sùlas mòr ris, agus dh’ fheumadh e cadal còmhla rithe. Cha robh iad ach an déidh dol a laidhe ’n uair a thàinig am boinne-fala a b’ eireachdeile air na dhearc sùil riamh a dh’ ionnsuidh bruaich na leapach, agus a’ ceumnaich air a h-ais s’ air a h-adhart. Dh’ éirich Mànus airson breith oirre. Chaidh ise mach. Lean e i dlùth. Chaidh i stigh ann an talla mhòr chreige taobh a’ chladaich. Chaidh [TD 369] [Beurla] [TD 370] esan a stigh na déidh. Bhuail i slatag dhruidheachd ’air is rinn i carragh cloiche dheth. ’N uair a dhùisg a mhuime cha robh Mànus aice. Dh’ eubh i c’ àit an robh e, is thòisich i air caoineadh ’s air lasagaich. Thàinig am Fear Ruadh a nuas is bha e-fhéin ann an imcheist. Dh’ innis ise dha gu’n robh droch bhoirionnach a’ fuireach ann an uaimh dlùth orra, agus gu’m bu chleachdadh dhi ’bhi ’tighinn do ’n chaisteal aice-se a mhealladh a h-uile mac rìgh is ridire a thigeadh an rathad; “agus is iomadh uair a dh’ fheuch mi ri cur as di, ach cha robh a’ dol agam air. Theagamh gu’n dean thus’ e. Théid thu ’laidhe còmhla rium-sa ’nochd, agus ma thig i ann an cruthachd briagh maighdein éiridh tu, agus leanaidh tu i, agus bheir thu leat an t-slatag so, ’s an uair a théid i stigh do’n uaimh buail i leis an t-slait mu’n tàr i dad a dheanamh ’ort, agus òrdaich i ’bhi ’n a creutair sam bith a chì thu fhéin iomchuidh. Gheibh thu ’s an talla ballan-ath-bheothachaidh, agus tum an t-slatag ann, agas buail i air na carrachan, agus éiridh iad suas beò, slàn. Tha mi cinnteach gu’m faigh thu mo dhalta ’n am measg.” Is ann mar so a bha. An déidh dol a laidhe thàinig ise. Dh’ éirich am Fear Ruadh is lean e i. Ghabh i rathad a’ chladaich. Ràinig i stalla mhòr chreige. Bhuail i an t-slat is dh’ [TD 371] [Beurla] [TD 372] fhosgail dorus. Dìreach ’s an dol a stigh dhlùthaich am Fear Ruadh, bhuail e ’n t-slatag oirre, is smaoinich e i ’bhi ’n a galla-choin, is dh’ fhàs i mar sin, ’g a leantuinn a h-uile taobh a rachadh e. Chaidh e stigh is fhuair e ’m ballan. Thum e ’n t-slat ann, is bhuail e i air na carrachan. A h-uile fear air am buaileadh e ’n t-slat dh’ éireadh e ’n a fhleasgach ùrair, àluinn is choisicheadh e mach; ach Mànus cha robh r’ a fhaotainn. Bha ’n t-eagal air an Fhear Ruadh gu’n caitheadh an stuth iongantach a bha ’s a bhallan no gu’n dìobradh buaidh na slataig mu’n ruigeadh e Mànus; ach chum e gu faicilleach air ’adhart gus mu dheìreadh anns a’ chùil a b’ fhaide stigh bhuail e carragh a bha ’n sin, agus dh’ éirich Mànus suas. Rinn iad sòlas ri ’chéile, is dh’ fhalbh iad do chaisteal a’ mhuime, agus rinn i gàirdeachas mòr ris. Dh’ fhuirich iad grathunn an sin gus an d’ innis a mhuime dha am feum sònraichte a bh’ aice ’air, gu’n robh béist mhòr, anagnàthach ann an ceàrn de ’n rìoghachd aice a bha ’fàsachadh an àite. Na’n tigeadh duine no beothach no creutair sam bith mar uidhe sheachd mile dhi shrùbadh i stigh e. Shluigeadh i sìos an t-seisreach, an crann, ’s an treabhaiche. “Tha e ’s an fhàidheachd gur tus’ am fear a chuireas as di; agus on fhuair thu an gaisgeach mòr, [TD 373] [Beurla] [TD 374] bràthair do mhàthar, còmhla riut, cha’n eagal duibh.” Thug iad leò lannan is sgeanan. Lean a’ ghalla iad. ’N uair a bha iad mar sheachd mìle do’n bhéist chaidh an tarruing ’s an òl a sìos ’n a broinn. ’N uair a fhuair iad a stigh ’n a broinn tharruing iad na sgeanan. Chaidh fear air gach taobh dhi gu tolladh troimpe, ’s bha ’ghalla a’ stròiceadh a’ mhionaich, gus an d’ thàinig iad a mach air gach taobh dhi ’n an lòbhrain shallach, dhuaichnidh. Phill iad dhachaidh mar sin, ach nigh is dh’ ionnail ise iad. Thug i dhoibh uisge blàth gu’n casan is leaba bhog fo’n leasan, is anns a’ mhadainn bha iad gu h-ùrair, àluinn. [TD 375] [Beurla] [TD 376] XI. LEÒMHAN CRIDHEACH, MAC RÌGH EIRINN, AGUS CEUDAMH, MAC RÌGH NAN COLA. BHA fear ann roimhe so ris an abradh iad Leòmhan Cridheach, mac rìgh Eirinn, agus Ceudamh, mac rìgh nan Cola, ’bha ’n a chompanach dha, agus am Boinne Geal Dìreach, mac rìgh an domhain. Chaidh an triùir sgoileirean sin do’n Ghréig a dh’ ionnsachadh an tuilleadh sgoil. Là de na lathaichean bha iad a-mach a’ gabhail sràid. Chunnaic iad nighean rìgh na Gréige agus am maighdeanan coimheadachd; agus thubhairt an Leòmhan Cridheach ri Ceudamh, “Feumaidh tu dol a bhruithinn ri nighean rìgh na Gréige. Cha bhi mi ceart mur fhaigh mi ri ’pòsadh i.” Dh’ fhalbh Ceudamh, mac rìgh nan Cola, far an robh nighean rìgh na Gréige le teachdaireachd mhic rìgh Eirinn airson a pòsadh. Fhreagair nighean rìgh na Gréig’ e, agus thubhairt i nach biodh i beò mur pòsadh e-fhéin i. Fhreagair esan, agus thubhairt e nach pòsadh e i le eagal Leòmhan Cridheach gu’m marbhadh e e. Thu- [TD 377] [Beurla] [TD 378] bhairt ise ris nach deanadh sid feum, gu’m feumadh e ’pòsadh, agus gu’m fàgadh iad an t-àite. Dh’ fhalbh iad le chéile; agus ’s e smaoineachadh a rinn iad gu’m falbhadh iad do chùirt Fhinn Mhic Chumhail; agus ràinig iad. Chuir Fionn Mac Chumhail ceist airsan ’d é ’n obair a bha e math air. Thubhairt e ris gu’n robh e ’n a chòcaire math. “’S math,” arsa Fionn Mac Chumhail, “do mhodh ’s do mhiadh ’s a’ bhaile. An diugh fhéin dh’ fhalbh an cocaire ’bh’ againn. ’D é ’n duais a bhios tu ’g iarraidh airson do shaoithreach?” “Cha bhi,” ars’ esan, “ach toiseach laidhe ’s deireadh éiridh a bhi aig mo mhnaoi air mnathan na Féinne.” “Bithidh t-iarrtas agad ri ’fhaotainn,” arsa Fionn. Thòisich e ’n sin air a’ chòcaireachd, ’s cha d’ fhuaras riamh ann an cùirt Fhinn Mhic Chumail a leithid de chòcaire. An sin thàinig teacaireachd o rìgh Lochlainn a dh’ ionnsuidh Fhinn Mhic Chumail a dhol gu cuirm ’s cuid oidhche g’ a ionnsuidh do Lochlann. Dh’ fheumadh an còcaire falbh le Fionn ’s le ’chuid daoine do Lochlann. Thubhairt bean a’ chòcaire, “Ma bheir sibh leibh e tha eagal orm-sa [TD 379] [Beurla] [TD 380] nach till e; ach co dhiubh a bhios e beò no marbh thugaibh am ionnsuidh-sa dhachaidh e.” Gheall Fionn sin. Dh’ fhalbh Fionn ’s a chuid daoine, ’s ràinig iad Lochlann; agus thòisich an còcaire air deasachadh na cuirme ann an tigh rìgh Lochlainn. Co an sin a thàinig a dh’ ionnsuidh an tighe ach Leòmhan Cridheach, ’s e ’n déigh seachd ranna ruadh an domhain a shiubhal ag iarraidh Cheudaimh. ’N uair a ghabh Ceudamh teas ris a’ chòcaireachd thog e ’n ceann-eudaich a bha mu ’cheann. Cha d’ aithnich Leòmhan Cridheach e gus an do thog e ’n ceann-eudaich; ’s an caraibh a chéile chaidh iad air an ùrlar. A-mach a ghabh iad; agus aig a’ cheann mu dheireadh bhuadhaich Leòmhan Cridheach, mac rìgh Eirinn, air Ceudamh, agus mharbh e e. ’N uair a thill Fionn Mac Chumail dhachaidh thug e leis corp Cheudaimh, an cocaire, a dh’ ionnsuidh a mhnatha mar gheall e. An sin ràinig Fionn ’s a chuid daoine dhachaidh. Dh’ fhàg iad corp a’ chòcaire air a’ chladach, ’s chuir iad fios a dh’ ionnsuidh a mhnatha far an robh e. Dh’ fhalbh ise, a’ tuireadh ’s a’ bròn, ’s shuidh i làmh ris. ’D é ’chunnaic i ach bàta ’tighinn seach an cladach far an robh i ’n a suidhe, agus dithis dhaoin’ innte, fear ’s an deireadh ’s fear [TD 381] [Beurla] [TD 382] ’s an toiseach, agus ubhal òir agus ubhal airgid aig an fhear a bha ’s an deireadh. Thilgeadh am fear a bha ’s an deireadh fear de na h-ùbhlan air an fhear a bha ’s an toiseach agus chuireadh e ’n ceann deth. Thilgeadh e ’n ubhal eile ’s chuireadh e ’n ceann ’air. Chunnaic bean Cheudaimh an obair a bh’ aig na daoine ’bha ’s a’ bhàta, agus ghlaodh i riu na’n tugadh iad d’ i tacan beag de na h-ùbhlan gu’m biodh i fuathasach toilichte. Fhuair i sin, agus rinn i leis na h-ùbhlan mar a chunnaic i iadsan a’ deanamh. Thilg i fear de na h-ùbhlan air an duin’ aice ’s chuir i ’n ceann deth, agus thilg i fear eil’ ’air ’s chuir i ’n ceann ’air; agus dh’ éirich e beò, slàn mar bha e riamh. [TD 383] [Beurla] [TD 384] XII. BLÀR A BH’ AIG NA LOCHLANNAICH AN DÙN-MAC-SNITHEACHAIN. MHOTHAICH muinntir Aird-na-murchann do na Lochlannaich a’ tighinn. Chuir iad teine air àit àrd mu choinneamh na Morairne, ’s chuir a’ Mhorairne teine an sealladh Lise-moire. Chaidh Conal le bàta ’s sgioba g’ a innseadh an Dùn-mac-snitheachain. Thàinig na Lochlannaich air an dara là ’n déidh so do Dùn-mac-snitheachain; agus thubhairt an rìgh Lochlannach gu’m biodh trì deuchainnean ann; agus b’ i ’cheud deuchainn gu’n rachadh dithis de na Lochlannaich agus dithis de mhuinntir Dhùn-mac-snitheachain a thuasaid. Ghabh na Lochlannaich air am dithis de mhuinntir Dhùn-mac-snitheachain. B’ e ’n ath rud a chaidh iad a dheanamh tilgeil iaruinn. Bha na Lochlannaich a’ buidhinn; agus thàinig rìgh Lochlainn, agus chuir e ’n t-iarunn pìos mòr air thoiseach orra uile. Bha Dùn-mac-snitheachain fo smuairean leis mar bha iad a’ call; agus mu’n àm so chunnaic iad gill’ òg a nìos an cladach, ’s e ’n a dhui- [TD 385] [Beurla] [TD 386] ruith. Dh’ fheòraich e am faodadh esan an t-iarunn a thilgeil. Thubhairt iad gu’m faodadh. Dh’ fheumadh am fear a bhiodh a’ tilgeil an iaruinn a leigeil air uchdan a choise. ’N uair a dh’ fheuch esan so cha robh a’ bhròg ’air. Chuir e ’làmh ri ’cheann, ach cha robh a’ bhoineid ann. An sin spìon e sop de ’n fheur, agus chuir e air a chois e, agus chuir e ’n t-iarunn air muin sin. Thilg e ’n t-iarunn an sin, agus chuir e air thoiseach air rìgh Lochlainn fad’ e. ’S e ’n ath rud a dh’ iarr an rìgh Lochlannach réis bhàtaichean a bhi aca; agus chaidh so a dheanamh. Dh’ fhalbh iad a-mach mu’n cuairt rudha na Garbhaird, agus bha aca ri dol mu’n cuairt an déidh sin air eilean gun ainm. Bha rìgh Lochlainn air thoiseach le ’bhata fhéin a’ dol mu’n cuairt an eilein. Thubhairt e ris an sgioba ’bha còmhla ris, “Am bheil an fheadhainn a tha ’n ar déidh a’ teannadh oirnn?” Thubhairt fear de ’n sgioba, “Chì mi bàta ’tighinn is trì raimh orra, agus tha ’choltas gu’n téid i seachad òirnn-ne.” Thubhairt an rìgh Lochlannach ris, “Cha ’n ’eil air an t-saoghal bàta ’théid air thoiseach air mo thé-sa.” “Tha eagal orm,” ars’ an gille, “gu’n téid i air thoiseach oirnn.” An sin chaidh i air thoiseach orra, té nan trì ràimh, agus bha i air tìr air [TD 387] [Beurla] [TD 388] a’ chladach mu’n d’ thàinig rìgh Lochlainn air tìr. Thubhairt an rìgh Lochlannach, “’S e ’bhios ann am màireach fear fhaotainn a chumas tuasaid rium-sa. Ma bhuadhaicheas mi ’air bithidh a ’bhàruinn agam; ach ma bhuadhaicheas esan orm-sa caillidh mise ’h-uile rud a th’ ann.” Thàinig am màireach, agus sheas an rìgh Lochlannach aig àite na tuasaid. Thòisich Dùn-mac-snitheachain air dol fo dhìobhail misnich bhochd. Beagan an déidh so thàinig fear a-stigh do dh’ àite na tuasaid ’s e air éideadh le clogaid ’s le lùirich. Thòisich an rìgh Lochlannach ’s e-fhéin air an tuasaid. Bhuail an rìgh Lochlannach a’ cheud bhuill’ ’air, ’s chuir e leth char dheth mu’n cuairt. Air an ath bhuille bhuail esan an rìgh Lochlannach ’s chuir e ’n ceann deth leud iomaire treabhaidh. Thòisich an tuasaid an sin ’n am measg uile taobh air thaobh. Chunnaic iad seann duine liath a’ tighinn ’s a cheann-eudaich ’n a làimh. Chunnaic e ’n tuasaid a’ dol air a h-aghaidh, agus thubhairt e ris a’ cheud fhear a thachair ’air, “An d’ thàinig coigreach sam bith an rathad?” “Thàinig,” thubhairt am fear eile: “bha feum againn-ne gu’n d’ thàinig: ’s e ’rinn a h-uile [TD 389] [Beurla] [TD 390] tapadh a rinneadh an Dùn-mac-snitheachain o ’n a thàinig e.” “Tha mi toilichte dheth sin,” ars’ an seann duine: “’s e odha dhomh-sa ’th’ ann. ’S mise rìgh na H-Eireann; ’s cha ’n ’eil mo mhac beò. ’S e so m’ odha ’theich orm. Chaidh Calum-cille a I g’ a iarraidh, ’s cha tugainn da e; agus theich e deich mìle ’n cois a’ chladaich orm-sa. Thug Calum-cille stigh an sin e ’s chuir e air tìr e ’n Cinntìre. Cha ’n àm stad dhomh-sa: feumaidh mi dol a chuideachadh muinntir Dhùin-mac-snitheachain.” Chaidh rìgh na H-Eireann a mharbhadh, ’s chaidh Conal a chaidh a Liosmor a mharbhadh. Chaidh a h-uile Lochlannach a mharbhadh ach còignear a theich. Cha d’ thàinig na Lochlannaich riamh tuilleadh do ’n dùthaich le fios domh-sa. [TD 391] [Beurla] [TD 392] [Blank] [TD 393] NOTES. [TD 394] [Blank] [TD 395-398] NOTES. [Beurla] [TD 399-430] DEVELOPMENT OF THE FENIAN OR OSSIANIC SAGA. [Beurla] [TD 431-492] NOTES. [Beurla] [TD 493-496] INDEX OF INCIDENTS. [Beurla] [TD 497] INDEX OF RUNS. [Beurla]