[DA 1] POPULAR TALES OF THE WEST HIGHLANDS [DA 2] [Blank] [DA 3] POPULAR TALES OF THE WEST HIGHLANDS ORALLY COLLECTED With a Translation BY THE LATE J. F. CAMPBELL NEW EDITION (Under the auspices of the Islay Association) VOLUME II. ALEXANDER GARDNER Publisher to Her Majesty the Queen PAISLEY; AND PATERNOSTER SQUARE, LONDON 1890 [DA 4] [Blank] [DA 5-13] CONTENTS. [Beurla] [DA 14] [Blank] [TD 9-15] POPULAR TALES OF THE WEST HIGHLANDS. XVIII. THE CHEST. From Mrs MacGeachy, Islay. [Beurla] [TD 16] [Beurla] URSGEUL. BHA rìgh ann roimhe seo, ’s bha toil aige bean fhaicinn aig a mhac ma’n siùbhladh e. Thuirt e r’a mhac gum b’ fheàrra dha folbh airson mnatha, ’s thug e dha leith chiad punnd airson a faotainn. Choisich e air aghaidh fad latha; ’s nur a thàinig an oidhche chaidh e stigh do thigh òsd’ airson fantainn ann. Chaidh e sios do sheombar, ’s gealbhan math air a bheulthaobh; ’s nur a fhuair e ’bhiadh chaidh fear an tighe sios a chomhnadal ris. Dh’ innis e do’ dh’ fhear an tighe an turas air an robh e. Thuirt fear an [TD 17] tighe ris nach ruigeadh e leas dol na b’ fhaide; gu’ robh tigh beag ma choinneamh an t-seombair chadail aige; gu robh tri nigheanan gasd’ aig fear an tighe; agus na ’n seasadh e ’n uinneag a sheombair anns a’ mhadainn, gu’ faiceadh e te an déigh te ’tighinn a ’h-éideadh féin. Gu’ robh iad air fad cosmhuil r’a’ chéile, ’s nach aithneachadh e eadar te seach te; ach an te ’bu shine, gu’ robh ball dòrain urra. Gu robh móran a’ dol g’an iarraidh, ach nach robh gin ’gam faotainn; a thaobh gu’ feumadh neach a bhiodh air son h-aon diu innseadh co dhiu a b’i an te d’an robh taitneachd aige b’ òige na’ bu shine; ’s na’n déanadh e mach i gun cosdadh i dha ciad punnd. “Cha ’n ’eil agams’ ach leith chiad,” ursa mac an rìgh. “Bheir mise dhuit leith chiad eile,” ursa fear an tighe, “ma phàigheas thu mi ’n ceann la is bliadhna; ’s mar am pàigh thig iall o mhullach do chinn gu bonn do choise.” Nur a dh’ éiridh e ’n la ’r na mhàireach chaidh e gus an uinneig. Chunnaic e na nigheanan a’ tighinn a’n éideadh fein, ’s an déigh a bhìdh ’sa mhadainn chaidh e nunn gu tigh an athar. Nur a chaidh e stigh chaidh a thoirt sios do sheombar, ’s chaidh fear an tighe sìos a chomhnadal ris. Dh’ innis e ’n turus air an robh e, ’s thuirt e ris, “Tha iad ag ràdh rium gu’ bheil tri nigheanan bréagh agad.” “Tha sin féin agam; ach tha eagal orm nach tusa ’cheannaicheas iad.” “Bheir mi feuchainn dhaibh,” urs’ esan. Chaidh an tri chuir sìos ma ’choinneamh, ’s a ràdh ris, cò’ca a b’i ’n te d’an gabhadh e taitneachd an te bu shine na ’n te b’ òige. Smaoinich e gu’n gabhadh e té a’ bhall dòrain; o’n a bha fhios aige gur h-i ’bu shine. Ghabh ise an sin toil-inntinn mhòr gur h-i féin a bha e air a shon. Dh’ fheòraich e d’a h-athair co mhìod a bhitheadh i, ’s thuirt a h athair gum biodh i ciad punnd. Cheannaich e i, ’s thug e leis i gu tigh athar, ’s phòs iad. Goirid an déigh dhaibh pòsadh shiubhail athair. Latha na dha an déigh bàs àn t-sean rìgh, bha ’n rìgh òg a mach a’ sealgaireachd. Chunnaic e long mhòr a’ tighinn a stigh thun a’ chladaich. Chaidh e sìos a dh’ fheòraich de ’n chaibhtinn de ’bha aige air bòrd. Thuirt an caibhtinn gu’ robh luchd sìoda. “Feumaidh tu,” urs’ esan, “guthann de ’n t-sìoda ’s fheàrr a th’ agad a thoirt dhòmhsa airson mo mhnatha.” “Seadh,” urs’ an caibhtinn, “feumaidh gu’ bheil bean fhuathasach mhath agadsa, nur a dh’ fheumas i guthann de’n t-sìoda is fheàrr a th’ agamsa air bòrd.” “Tha sin agam,” urs’ an rìgh, “bean nach ’eil mòran d’a leithidean r’a fhaotainn.” “An cuir thu geall,” urs’ an caibhtinn, “a’ h-uile mathas a th’ urra, nach fhaigh mise dol a [TD 18] laidhe leatha nochd?” “Cuiridh mi geall, ni ’sam bith a shanntaicheas thu, nach fhaigh.” “Dé ’n geall a chuireas tu?” urs’ an caibhtinn. “Cuiridh mi ’n oighreachd an geall,” urs’ an rìgh. Urs’ an caibhtinn, “Cuiridh mise na bheil de shìoda ’san long an geall riutsa gu’m faigh.” Thàinig an caibhtinn air tír, ’s chaidh an rìgh air bòrd. Chaidh an caibhtinn far an robh cailleach nan cearc feuch an dèanadh i dòigh ’sam bith air ’fhaotainn a stigh le bean an rìgh an oidhche sin. Smaointich cailleach nan cearc tacan, ’s thuirt i nach robh dùil aice gu’ robh dòigh ’sam bith a dhéanadh feum. Dh’ éirich an caibhtinn an sin, ’s bha e ’falbh. “Stad ort,” urs’ ise, “smaointich mi air dòigh.” Tha ’n searbhannt aice ’s mi féin gu math mòr. Their mi rithe gu’n d’ fhuair mi fios o phiuthar dhomh nach beirinn beò urra. Their mi ri bean an rìgh gu’ feum mi folbh a dh’ fhaicinn mo pheathar; gu ’bheil cisde mhòr agam gu math luachar, a bu mhath leam, na’n lughasachadh i dhomh, a leigeil d’a seombar-cadail féin gus an till mi.” Chaidh i far an robh ’bhanrighinn; dh’ fheòraich i so dhi, ’s fhuair i cead. Chaidh an so an caibhtinn a chur a stigh do’n chisde, ’s gillean an righ a chruinneachadh, ’s a’ chisde’ chur do ’n t-seombar. Bha bean an rìgh a stigh leatha féin, ’s fadal urra nach robh an rìgh a’ tighinn dachaidh. Ma dheireadh chaidh i ’laidhe. Nur a bha i ’dol a laidhe chuir i fainne òir a bha air a meur, agus slabhraidh òir a bha ma ’muineal, air bòrd a bha ma choinneamh na leapa. Nur a smaointich am fear a bha ’s a’ chisde gu’ robh ùine aice ’bhi ’na cadal, dh’ éirich e, s thug e leis an t-slabhraidh ’s am fainne, ’s chaidh e stigh do’n chisde a rithisd. Am beul an latha thàinig cailleach nan cearc a dh’ iarraidh a cisde. Chaidh na gillean a chruinneachadh ’s a’ chisde ’thoirt a nuas. Nur dh’ fholbh a’ h-uile duine o’n tigh, cho luath sa’ bu leur dha, dh’ éirich an caibhtinn, ’s dh’ fholbh e sìos thun na luinge. Chrath e’n t-slabhraidh ’s am fainne ris an rìgh. Smaointich an rìgh an sin gun d’fhuair an caibhtinn a stigh le a bhean, no nach biodh an t-slabhraidh ’s am fainne aige. Thuirt e ris a’ chaibhtinn an cuireadh e nunn e gus an taobh eile de’n loch. Thuirt an caibhtinn gun cuireadh. Nur a fhuair an caibhtinn thairis e, thill e féin ’s chaidh e ’chòmhnuidh do thigh an rìgh. Bha bean an rìgh an sin ’s gun fhios aice dé a dhèanadh i rithe féin, o’n nach d’ thàinig an rìgh dhachaidh. Dh’ fholbh i ’n latha sin, ’s dh’ éid i i féin ann an aodach fir, ’s chaidh i sìos thun a’ chladaich. Thachair bàta urra, ’s thuirt i riu an cuireadh iad ise a nunn air an taobh eile. Chuir iad a nunn i, ’s ghabh i air a [TD 19] h-aghaidh gus an d’ ràinig i tigh duine uasail. Bhuail i ’san dorus, ’s thàinig an searbhannt’ a nuas. Thuirt i rithe an robh fhios aice an robh gille stàbuill a dhìth air a maighstir. Thuirt an searbhannta nach robh fhios aice, ach gu ’foighneachdadh i. Chaidh an searbhanta ’s dh’ fheòraich i d’a maighstir, an robh gille stàbuill a dhìth air. Thuirt e gun robh, agus dh’ iarr e e ’thighinn a stigh. Dh’ fhasdaidh e i, ’s dh’ fhan i ’g obair ma’n stàbull. Bha ’n sin treud de bheathaichean fiadhaich a’ tighinn a’ h-uile h-oidhche, ’s a’ dol a stigh do shabhal fàs a bha aig an duine uasal, ’s duine fiadhaich as an déigh, ’s aodann còmhdaichte le feusaig. Bha ise ag iarraidh air a maighstir na’n cuireadh iad duine leatha, gum beireadh iad air. Thuirt a maighstir nach cuireadh, nach robh gnothach aca ris, ’s nach d’ rinn e coire ’sam bith orra. Dh’ fholbh ise mach oidhche leatha féin, ’s ghoid i leatha iuchair doruis an t-sabhail. Laidh i ’m falach ann an toll gus an deachaidh an duine fiadhaich agus na beathaichean a stigh. Thug i leatha na gillean, ’s rug iad air an duine fhiadhaich. Thug iad a stigh e, ’s thug iad dheth an fheusag. Nur a thàinig an fheusag dheth dh’ aithnich ise e, ach cha do leig i rud sam bith urra, ’s cha d’ aithnich esan ise. An la ’r na mhàireach bha e’ dol a dh’ fholbh, ach bhruidhinn ise r’a maighstir airson a ghleidheadh, gu’n robh an obair tuillidh is trom urra, ’s gu ’feumadh i cuideachadh. Dh’ òrduich a maighstir dhi ’ghleidheadh. Ghléidh i leath’ e, ’s bha e fein agus ise a’ glanadh an stàbuill. Beagan ùine ’na dhéigh so bhruidhinn i r’a maighstir, airson cead a dhol dhachaidh air sgrìob a dh’ fhaicinn a càirdean. Thug a maighstir cead dhi. Thuirt i gu’m bu mhath leatha a gille, ’s an da each a b’ fheàrr a bh’ ann ’s an stàbull a bhi leatha. Nur a dh’ fholbh iad bha i ’ga cheasnachadh air an rathad; dé thug dha bhi folbh leis na beathaichean ud, na de bha e ris an toiseach a latha. Cha ’n innseadh e ni sam bith dhi. Ghabh iad air an aghaidh gus an d’ thàinig iad gus an tigh òsda far an d’ fhuair esan an leith chiad punnd. Nur a thug ise a h-aghaidh sìos gus an tigh, dhiult esan a dhol ann. Thuirt i ris an d’ rinn e ni sam bith ceàrr, nur a bha e diùltainn dol ann. Thuirt e gun d’ fhuair e leith chiad punnd o fhear an tighe. Thuirt i ris an do phaigh e iad, ’s thuirt e nach do phàigh, ’s gu’n robh iall ri tighinn o mhullach a chinn gu bonn a choise, mar am biodh e pàighte an ceann la is bliadhna. Thuirt i gum bu mhath an airidh; ach gu’ robh ise a’ dol a dh’ fhantainn ’s an tigh òsda ’san oidhche, ’s gu’ [TD 20] feumadh e dol sìos. Dh’ iarr i air na h-eich a chur a stigh ’san stàbull, ’s chaidh eud a stigh do ’n tigh òsda. Bha esan na sheasamh ann an dorus an stàbuill, ’s a cheann crom. Thàinig fear an tighe mach ’s chunnaic e e. “Mo ghille mòr tha thu an so agam,” ursa fear an tighe. “Am bheil thu’ dol am’ phàigheadh an diugh?” “Cha ’n ’eil,” urs’ esan. Chaidh e ’sin a stigh, ’s bha iad a’ dol a thòiseachd air an iall a ghearradh. Chual ise an fhuaim, ’s dh’ fheòraich i gu dé ’bha iad a’ dol a dhèanadh air a gille. Thuirt iad gun robh iad a’ dol a ghearradh iall deth o mhullach gu bonn. “Ma bha sin r’a dhèanadh,” urs’ ise, “cha robh e ri deur fola a chall.” “Cuir an nuas an so lìon aodach, a’s seasadh e air, ’s ma thig deur fola as thig iall eile dhìotsa.” Cha robh an so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b’ urrainn iad stugh a dhèanadh dheth. Mochthradh an la’r na mhàireach thug i leatha nunn e gu tigh a h-athar. Ma bha e ’n aghaidh dol a’n tigh òsda an oidhche roimhid, bha e seachd uairean na bu mhotha ’n aghaidh dol do thigh a h-athar. “An do rinn thu cron an so cuideachd nur a tha thu ’n aghaidh dol ann?” “Fhuair mi bean an so o cheann a leithid do dh’ ùine.” “De ’thàinig urra?” “Cha ’n ’eil fhios’am.” “Cha ’n iongantach dé dh’ éireas duit! cha ’n ’eil agad ach gabhail ris na thig a’d’ rathad!” Nur a chunnaic a h-athair e thuirt e, “Tha thu ’so agam; càit a’ bheil do bhean?” “Cha ’n ’eil fhìosam càit’ a’ bheil i.” “Dé a rinn thu rithe?” urs’ a h-athair. Cha b’ urrainn e innseadh dé a rinn a rithe. Cha robh ’nis ach a chrochadh ri craoibh. Bha latha mòr ri ’bhi timchioll a chrochaidh, ’s bha mòran de dhaoine uaisle ri tighinn a ’fhaicinn. Dh’ fheòraich ise d’a h-athair dé ’bha iad a dol a dhèanadh r’a gille. Thuirt a h-athair gu’n robh iad a’ dol da chrochadh. “Carson,” urs’ ise, “a tha e r’a chrochadh.” “Cheannaich ’e bean uamsa, ’s cha ’n ’eil fhios aige dé ’thàinig rithe. Dh’ fholbh i ’mach a dh’ fhaicinn nan uaislean a’ tighinn a stigh do’n bhaile. Dh’ fheòraich i de ’n fhear a bu chiataich’ each de ’b’ fhiach dha.” “Coig fichead,” urs’ esan. “Ged a bhiodh e coig ciad ’s leamsa e,” urs’ ise. Thuirt i r’a gille urchair a chur ’san each. Dh’ fheòraich i d’a h-athair an do phàigh e ’bhean. Thuirt e gun do phàigh. “Ma phàigh,” urs’ ise, “cha ’n ’eil gnothach agadsa ris; dh’ fhaodadh e ’roighinn a dhèanadh rithe. Cheannaich mise an t-each a bu chiataiche a thàinig a stigh do ’n bhaile an diugh. Thug mì air mo ghille urchair a chur ann, ’s co aig a’ bheil a chridhe a ràdh [TD 21] gur olc. Cha u robh ’so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b’ urrainn iad stugh a dhèanadh air o’n a cheannaich e i. Chaidh i an sin a stigh do thigh a h-athar, ’s thuirt i ri h-aon d’a peathraichean guthann a thoirt dhi. “De ’tha thusa ’dol a dhèanadh do ghuthann?” urs’ ise. “Nach coma leatsa. Ma ni mi milleadh air pàighidh mi e.” Nur a chuir i urra an guthann dh’ aithnich a h-athair’s a peathraichean i. Dh’ innis a h-athair ’s a peathraichean dha gur h-i ’bha leis, ’s cha robh e gan creidsinn. Chuir i dhi an t-aodach mnatha, ’s chuir i urra an t-aodach fir a rithisd. Dh’ fholbh i féin is esan, ’s ghabh iad air an aghaidh gus an robh iad dlùth air a shean tigh féin. “Nis,” urs’ ise, “feumaidh sin fuireachd an so an nochd. Suidhidh tusa air bràigh na staighreach, agus cuirridh tu sìos gach comhnadal a bhios agams’ agus aig fear an tighe. Nur a chaidh iad a stigh ’s a shuidh iad, thòisich i fein agus fear an tighe air comhradh. “Shaoil mi,” urs’ i ris a’ chaibhtinn, “gum b’ e rìgh a bha ’chòmhnuidh an so. Démur ’fhuair thusa e?” “’Se sin a bha roimhid an so; ach tha mi smaointeachadh, o’n a tha thusa a’d’ choigreach, gum faod mi innseadh dhuit démur a fhuair mi e.” “Faodaidh,” urs’ ise, “cha dèan mise sgeul ort; cha bhoin an gnothach dhomh.” Dh’ innis e dhi ’h-uile car mar a chuir cailleach nan cearc a stigh ’sa chisd’ e, ’s a’ chuid eile de’n chùis; ’s gun d’ fholbh an rìgh an la ’r na mhàireach. Mochthrath an la ’r na mhàireach bha fear an tighe ’dol gu cùirt. Thuirt e rithese, mar an robh deifir urra a dh’ fholbh, gum faodadh i dol leisean a dh’ éisdeachd na cùirt. Thuirt i gum biodh i toileach, ’s gum bu mhath leatha a gille ’bhi leatha. Chaidh ise anns a’ charbad leis a chaibhtinn, ’s mharcaich a gille ’na déigh. Nur a bha ’chùirt seachad, thuirt i gun robh facal na dha aicese r’a ràdh, n’am b’ e’n toil leigeil leatha bruidhinn. Thuirt iad rithe leigeil a chluinntinu daibh gu dé ’bha aice r’a ràdh. Thuirt i r’a gille. “Eiridh suas ’s thoir dhaibh am paipeir sin a sgriobh thu ’rair.” Nur a leubh iad am paipeir, thuirt i dé ’bu chòir a dhèanadh air an fhear sin. “A chrochadh na’m biodh e ’n so,” urs’ iadsan. “Sin agaibh e,” urs’ ise, ’s deanaibh bhur roighinn ris.” Fhuair i féin ’san rìgh tilleadh air an ais d’an tigh féin, ’s bha iad mar a bha iad roimhid. [Beurla] [TD 22-23] [Notes] [Beurla] [TD 24-27] XIX. THE INHERITANCE. From Donald Macintyre, Benbecula. [Beurla] [TD 28-32] XX. THE THREE WISE MEN. From Donald MacIntyre, Benbecula. [Beurla] [TD 33] XXI. A PUZZLE. From Kenneth M‘Lennan, Turnaid, Ross-shire. [Beurla] [TD 34] [Beurla] TOIMHSEACHAN. BHA cleachdadh aon uair feadh na Gaeltachd, dar a Bhasaicheadh duine, gu tionaladh sluagh a’ bhaile uile gu leir, dho’n tigh sam bitheag an duine marbh, tigh aire faire, agus bhithag iad ag’ òl ’s ag òran ’s aginnse sgeulachdan, gus an digadh, an latha geal. Air an am so bha iad cruinn ’san tigh fhaire, agus bha duine anns an tigh so, agus dar a chaidh an sgeulachd mu ’n cuairt cha robh aon chuid aige, sgeulachd, na òran, agus bho’n nach robh chaidh a chur a mach air an dorus. Dar a chaidh, sheas e aig ceann an t-sabhail, bha eagal air dol ni b’ fhaide. Cha robh e ach goirid na sheasaidh dar a chunnaic e naodhnar air an sgeadachadh ann an trusgain dhearga a’ dol seachad, agus goirid na dheighe sin chunnaic e naodhnar eile a’ dol seachad ann an deiseachan uaine; began an deighe so chunnaic e naodhnar eile a’ dol seachad ann an deiseachan gorma; tacan an déigh so thàinig each, ’s bean ’s duine air a mhuin. Thuirt a’ bhean ris an duine, “Théid mi ’bhruidhinn ris an fhear a tha ’siud, aig ceann an t-sabhail.” Dh’ fhoighnichd i ris dé bha e dianamh an siud ’na sheasamh. Dh’ innis e dhi. “Am faca tu duine air bhith a’ dol seachad bho thuit an oidhche?” os ise. Thuirt gu ’fac. Dh’ innis e dhi na chunnaic e. “Chunna tu na chaidh seachad bho thuit an oidhche,” os ise. “Mata,” os ise, “na ceud naodhnar a chunna tu ’se sin bràithrean m’ athar, agus an darna naodhnar bràithrean mo mhàthair, agus an treas naodhnar ’se sin mo mhic fhéin; agus ’s mic dha n’ duine ud a tha air muin an eich iad uile gu léir. ’Se sin an duine agamsa; agus cha ’n ’eil lagh ann an Eirinn, na ’n Allaba, na ’n Sasunn a’s urrainn coir’ fhaotainn dhuinn. [TD 35] Folbh thusa a nis a steach; ’s cha chreid mise nach ’eil toimhseachan orra gu latha.” ’S dh’ fholbh i ’s dh’ fhàg i e. [Beurla] [TD 36-40] XXII. THE RIDERE (KNIGHT) OF RIDDLES. From John Mackenzie, fisherman, near Inverary. [Beurla] [TD 41] [Beurla] RIDERE NAN CEIST. BHA righ ann uair, ’s phòs e ban-tighearna mhòr, agus shiubhail i air a cheud mhac, ach bha am mac bèo; agus beagan na dhéigh so, phòs an rìgh tè eile, ’s bha mac aige rithe so cuideachd. Bha ’n dà ghille cinntinn suas. An sin bhuail an ceann na banrigh, nach b’è macse a thigeadh a stigh air an rìoghachd, agus chuir i roimpe gu ’m puinseanaicheadh i ’m mac bu shine, agus mar so chuir i comhairle ris a chòcaire, gu ’n cuireadh iad pùinsean ann an deoch an oighre; ach mar bha sonas an dàn, chual’ am bràthair a b’ òige iad, agus thubhairt e ri ’bhràthair, gun an deoch a ghabhail na idir a h-òl; agus mar so rinn e. Ach bha iongontas air a bhan-righ nach robh an gille marbh, agus smaoinich i nach robh na leòir a phùinsean anns an deoch, ’s dh’ iarr i air a chòcaire tuillidh a chuir ’san deoch air an oidhche so. Is ann mar so a rinn iad, agus a nuair a rinn an còcaire suas an deoch, thubhairt i nach bitheadh e fada beo an déigh na dibhe so; ach chual’ bhràthair so cuideachd ’s dh’ innis e so mar an ceudna. Smaoinich e gu’ cuireadh e ’n deoch ann am botul beag, agus thubhairt e ri’ bhrathair, “Ma dh’ fhanas mi ’san tigh cha ’n ’eil teagamh agam nach cuir i as domh dòigh a thaobhaigin, ’s mar is luaithe dh’ fhàgas mi ’n tigh, ’se is feàrr. Bheir mi an saoghal fo’ m’ cheann, ’s cha ’n ’eil fios de ’m fortan a bhitheas orm.” Thubhairt a bhràthair gu’ falbhadh e leis, ’s thug iad orra do ’n stàbull, ’s chuir iad dìollaid air dà each, ’s thug iad na buinn asda. Cha deach iad glé fhad’ o’n tigh, dur a thubhairt am fear bu shine, “Cha ’n ’eil fios an robh puinsean idir san deoch ged a dh’ fhalbh sinn; feuch ann an cluais an eich e, ’s chì sinn.” Cha b’ fhada chaidh an t-each dur a thuit e. “Cha robh an sud, ach gliogaire do dh’ each co dhiu,” thubhairt am fear bu sine, agus le’ chéile ghabh iad air muin an aoin eich ’s mar so chaidh iad air an aghaidh. “Ach,” ars’ esan, “’s gann orm a chreidsinn, gu’ bheil pùinsean sam bith ’san deoch; feucham i air [TD 42] an each so.” Sin a rinn e, agus cha deach iad fada nuair a thuit an t-each fuar, marbh. Smaonich iad an t-seiche ’thabhairt dheth ’s gu cumadh i blàth iad air an oidhche oir bha i dlùth làimh. ’Sa’ mhaduinn, ’n uair a dhùisg iad, chunnaic iad dà fhitheach dheug a tighinn, ’s laidh iad air closaich an eich. Cha b’ fhada’ bha iad an sin, ’n uair a thuit iad thairis marbh. Dh’ fhalbh iad ’s thog iad na fithich, ’s thugar leo iad, agus a cheud bhaile a ràinig iad, thug iad na fithich do dh’ fhuineadair ’s dh’ iarr iad air dusan pìth a dheanamh do na fithich. Thug iad leo na pithean, ’s dh’ fhalbh iad air an turus. Mu bheul na h-oidhche, ’s iad ann an coille mhòr dhùmhail a bha sin thàinig ceithir thar fhichead do robairean a mach as a choille, ’s thubhairt iad riu, “Iad a liobhairt an sporain; ach thubhairt iadsan, “Nach robh sporan aca, ach gu ’n robh beagan bìdh a bha iad a giulan leo.” “’S maith biadh fhéin,” agus thoisich na robairean air itheadh. Ach cha deach iad ro dhàna ’n uair a thuit fear thall sa bhos dhiubh. A nuair a chunnaic iad gu’n robh na robairean marbh, rannsaich iad na pocaichean aca, ’s fhuair iad mòran òr ’s airgiod air na robairean. Dh’ fhalbh iad air an aghaidh gus an dràinig iad Ridire nan Ceist. Bha tigh Ridire nan Ceist anns an àite bu bhrèagha san dùthaich sin, agus ma bha ’n tigh bòidheach, ’se bha bòidheach a nighean. Cha robh a leithid air uachdar an t-saoghail gu léir, co maiseach rithe. ’S cha ’n fhaigheadh a h-aon ri phòsadh i, ach fear a chuireadh ceist air an ridire so nach b’urrainn da fhuasgladh. Smaonich na fleasgaich gu ’n rachadh iad ’s gu feuchadh iad ceist a chuir air; agus bha ’m fear a b’ òige gu seasadh an àite gille d’a bhràthair bu sine. Ràinig iad tigh Ridire nan Ceist, leis a cheist so, “Mharbh a h-aon, dithis, ’s mharbh dithis a dha-dheug ’s marbh dha-dheug, ceithir thar-fhichead, ’s thàinig dithis as; ’s bha iad gu bhi air bhòrt mòr ’s àirde onair gus am fuasgladh e a cheist. Bha iad greis mar so leis an ridire; ach oidhche do na h-oidhchean, thàinig te do na maighdeannan coimhideachd aig nighean an ridire, gu leaba ’ghille, ’s thubhairt i ris, “N’ an innseadh e à cheist dhith gu’ rachadh i luidhe leis, agus mar sin fhéin rinn i; ach mu ’n do leig e air falbh i, thug e a léine dhi, ach cha do dh’ innis e dhi a cheist; agus mar sin rinn an da mhaighdean dhèug, oidhch’ an déigh oidhche agus thubhairt e ris an te mu dheireadh, “Nach robh fios an toimhseachan aig neach air bith ach aig a mhaighstir san a mhàin.” Coma co-dhiù dh’ innis an gille gach ni mar a bha’ tachairt da mhaighstir; ach aon oidhch’ an déigh so, thàinig nighean an ridire do sheòmar a [TD 43] bhrathair bu sine, ’s thubhairt i gu’n rachadh i luidhe leis na ’n innseadh e a’ cheist dhi. Nise cha robh na chomas a diùltadh, agus ’s ann mar so a bha, chaidh i luidhe leis, ach anns a mhaduinn, thug e a léine dhi, ’s leig e air falbh i, ’s co luath ’sa dh’éirich Ridire nan Ceist, chuir e fios air, ’s dh’ fhuasgail e a’ cheist, ’s thubhairt e ris, “Gun robh a dha roghainn aige, an ceann a chall, na’ leigeil air falbh ann an eithear, gun bhiadh gun deoch, ’s gun ràmh na taoman.” Labhair am fleasgach, ’s thubhairt e, “Tha ceist eil agam ri chuir ort mu ’n tachair na h-uile nithibh so.” “Abair romhad,” thuirt an ridire. “Bha mi fein ’s mo ghille, latha ann am frìdh a’ sealg; loisg mo ghille air maigheach ’s thuit i; thug e ’n craiceann dhi, ’s leig e air falbh i. Rinn e mar sin air a dha-dheug; thug e ’n craiceann diubh ’s leig e air falbh iad, agus mu dheireadh, thainig maigheach mhòr bhrèagha, ’s loisg mi féin oirre, ’s thug mi ’n craiceann dhi, ’s leig mi air falbh i.” “Moire, cha ’n ’eil do cheist duillich fhuasgladh òganaich,” thuirt an ridire, “tha sin ag innseadh gu’n do luidh do ghille le dà mhaighdean dheug mo nighinn-sa, agus thu fein le mo nighean ’s gu’n d’ thug sibh na léintean dhiubh. Sin agad do thoimhseachain mo ghille maith, agus feuma tu ’pòsadh.” Agus se sin a rinn iad ’s banais mhòr, ghreadhnach a mhair latha ’s bliadhna. Dh’ fhalbh am fear a b-òige dhachaidh an so, ’n uair a fhuair e a bhràthair co maith air a dhòigh, ’s thug am bràthair bu sine dha na h-uile còir air an rìoghachd a bha aig an tigh. Bha dlùth do dh’ fhearann Ridire nan Ceist triùir fhamhairean, agus iad daonnan a’ mort ’sa’ marbhadh cuid do dhaoine an Ridire, ’sa tabhairt uapa spùill. Latha do na laithean, thuirt Ridire nan Ceist ri chliamhuinn, na ’m biodh spiorad duin’ ann, gu’n rachadh e a mharbhadh nam famhairean. Agus ’s ann mar so a bha, dh’ fhalbh e, ’s choinnich e na famhairean agus thainig e dhachaidh le ceann nan tri famhairean, ’s thilg e iad aig casan an ridire. “’S òlach tapaidh thu gun teagamh, agus ’se is ainm dhuit na dheigh so, Gaisgeach na sgiath bàine.” Chaidh ainm Gaisgeach na sgiath bàine am fad ’s an goirid. Bha bràthair Gaisgeach na sgiath bàine anabarrach laidir, tapaidh, agus gun fhios aige co e Gaisgeach na sgiath bàine, smaoinich e gun rachadh e dh’ fheuchainn cleas ris. Bha Gaisgeach na sgiath-bàine a’ gabhail còmhnuidh air fearann an fhamhair a nis, ’s nighean an ridire leis. Thàinig a bhràthair ’s dh’ iarr e còmhrag a dhèanamh ris. Thòisich na fir air a’ chéile, agus thug iad air gleachd bho mhaduinn gu feasgar. Mu dheireadh thall ’n uair a bha iad sgìth, [TD 44] fann, ’s air toirt thairis, leum Gaisgeach na sgiath bàine am Baideal mòr, ’s dh’ iarr e air coinneachainn ris sa mhaduinn. Chuir an leum so am fear eile fuidh sprochd, ’s thubhairt e, “Math dh’ fhaoidte nach bi thu co subailte mu ’n am so am màireuch.” Chaidh am bràthair òg a nise do bhothan beag, bochd a bha dlùth do thigh Gaisgeach na sgiath-bàine, gu sgith, airsnealach; agus anns a mhaduinn, dh’ ùraich iad an tuasid agus thòisich Gaisgeach na sgiath-bàine air dol air ais, gus an deach e ’n coimhir a chùil ann an abhuinn. “Feumaidh e gu’ bheil cuid do m’ fhuil annad mu ’n deanadh tu so ormsa.” “Co ’n fhuil da ’m bheil thu?” thuirt am fear a b’ òige. “’S mise mac [?] Ardan rìgh mòr na h-Albann.” “’S mise do bhràthair.” ’S ann an so a dh’ aithnich iad a’ chéile. Chuir iad fàilte ’s furan air a chéile, ’s thug Gaisgeach na sgiathe-bàine an so a stigh e do ’n lùchairt, agus ’s e ’bha toileach fhaicinn nighean an ridire. Dh’ fhan e car tamull maille riu, agus ’na dheigh sin, smaoinich e gun rachadh e dhachaidh d’a rìoghachd féin, agus a nuair a bha e gabhail seachad air pàileas mòr a bha’ sin, chunnaic e dà fhear dheug a’ camanachd fa chomhair a phàileis. Smaoinich e gun rachadh e greis a chamanachd leo, ach cha b’ fhad’ a bha iad a’ camanachd ’n uair a chaidh iad a mach air a’ chéile, agus rug am fear bu suarraiche dhiubh air, agus chrath ’se e mar gu’n deanadh e air pàisde. Smaoinich e nach robh math dha’ làmh a thogail, am measg an dà cheathairneach dheug so, agus dh’ fheoraich e dhiubh, co dha bu mhic iad? Thubhairt iad, “Gu ’m b’e clann aon athar iad, bràthair do Ghaisgeach na sgiath-bàine, agus nach b’e an aon mhàthair a bh’ aig a h-aon dhiubh.” “’S mise bhur n-athair,” thubhairt esan; is dh’ fharraid e dhiubh, “An robh am màthraichean, uile beo?” Thuirt iad gu ’n robh. Chaidh e leo gus an d’fhuair e na màthraichean, agus a nuair a bha iad uile gu falbh thug e leis dhachaidh an dà bhean dèug ’s a’ dhà mhac dhèug, agus cha ’n ’eil fios agamsa nach e ’n sliochd a tha ’nan righrean air Alba gus a’ latha ’n diugh. [Beurla] [TD 45-46] [Notes] [Beurla] [TD 47] XXIII. THE BURGH. From Alexander M‘Donald, tenant, and others, Barra, July 1859. [Beurla] [TD 48] [Beurla] BAILE BHUIRGH. BHA ceathrar a’ faire cruidh ann am Baile bhuirgh. Bha iad ann an cuidh. B’e ’cheathrar Domhnull MacGhilleathain, Domhnull Man-an-t-Saoir, Calum MacNill, agus Domhnull Domhnullach. Chunnaic iad cù. Thuirt Calum MacNill gum buaileadh eud an cù. Thuirt Domhnull MacGhilleathain. “Cha bhuail, ma bhuaileas tu e bidh aithreachas ort.” Bhuail Calum MacNill an cù agus chaill a làmh agus a ghàirdean an lùgh. Bha e mothachainn cràdh mòr ’na làimh agus ’na ghàirdean, agus ghiùlain h-aon de na gillean eile dachaidh am bata, cha b’ urrainn e fhìu a ghiùlan. Bha e ’gearan a làimhe, ’s chaidh e far an robh seana bhean, Nic a Phì, airson eolas fhaotainn ma làimh. Thuirt i ris gum biodh e mur sin gu ceann la as bliadhna, ’s an ceann la a’s bliadhna e dhol gos a’ chnoc, ’s a radh ris “Mar an lig thu leamsa lùgh mo làimhe cha n fhag mise, na mo shliochd, clach na crann diot nach cuir sin as a chéile.” An ceann la a’s bliadhna thuirt a chompanaich ris, “Tha nis la a’s bliadhna o’n a chaill thu lùgh na làimhe, thalla gos a’ chnoc, ’s go’m faigheadh do làmh a lùgh mar a thuirt a’ bhean.” Dh’ fholbh e fhìn ’s a chompanaich, ’s ràinig eud an cnoc. Tharruinn e’m bata ’s thuirt e ris a’ chnoc, “Mar an lig thu leamsa lùgh mo làimhe cha ’n fhàg mi fhìn, na mo shliochd, clach na crann diot nach d’ thoir sin as a cheile.” Fhuair e lùgh na làimhe. [Beurla] [TD 49] XXIV. THE TULMAN. From Alexander M‘Donald, tenant, and others, Barra, July 1859. [Beurla] AN TULMAN. BHA boireannach ann am Baile Thangasdail, ’s bha i mach aig iarraidh caigionn laogh, agus rug an oidhche ’san t-anmoch urra, [TD 50] agus thàinig sileadh agus sìon, ’s bha i ’g iarraidh fasgaidh. Chaidh i go cnoc leis a’ chaigionn laogh ’s bha i ’bualadh a’ chipein ann. Dh’ fhosgail an cnoc. Chual i gliogadaich, mar go’m biodh buthal a’ gleadhraich taobh poite. Ghabh i ionghantas. Stad i ’bhualadh a’ chipein. Chuir boireannach a mach a ceann, ’s na robh as cionn a miadhoin, ’s thuirt i rithe. “Dé ’n gnothach a th’ agad a bhi ’cur dragh air an tulman so ’s a’ bheil mise ’gabhail comhnuidh?” “Tha mi ’toirt an air’ air a’ chaigionn laogh so, ’s cha ’n ’eil mi ach lag, ca’ n d’ théid mi leo?” Théid thu leo ’ionnsuidh an uchd ’ud shias, chi thu bad feoir an sin. Ma dh’ itheas do chaigionn laogh am bad feoir sin cha bhi thu latha gun mhart bainne fhad ’s is beo thu, o’n a ghabh thu mo chomhairle.” Mar a thubhairt i, cha robh i riabh gun mhart bainn’ as a dhéigh so, ’s bha i beò còig deug agus ceithir fichead bliadhna ’n déigh na h’ oidhche ’bha ’n siod.” [Beurla] [TD 51] XXV. THE ISLE OF PABAIDH. From Alexander M‘Donald, tenant, and others, Barra, July 1859. [Beurla] EILEAN PHABAIDH. THAINIG boireannach sìth rathad tigh duin’ ann an eilean Phabaidh, agus acras na laidhe shiùbhl’ urra. Thug e biadh dhi, ’s ghabh sin go math aice. Dh’ fhan i ’n oidhche sin. Nur a dh’ fhalbh i thuirt i ris, “Tha mise deanadh iarrtas nach fhalbh gin de dhaoin’ an eilean so ann an leaba na siùbhla as a dhéigh so.” Cha d’ fhalbh gin riabh de na daoine sin, ’na gin eile bhiodh a’ gabhail comhnuidh ’san eilean uaidhe sin, ann an leaba na siùbhla. [Beurla] [TD 52-53] XXVI. SANNTRAIGH. From Alexander M‘Donald, tenant, and others, Barra, July 1859. [Beurla] [TD 54] [Beurla] SEANNTRAIGH. BHA bean fir coimhead ann an eilean Shanntraigh agus bha coir’ aice. Thigeadh bean shìth h-uile latha dh’ iarraidh a’ choire. Cha chanadh i smid nur a thigeadh, i ach bheireadh i air a’ choire. Nur a bheireadh i air a’ choire theireadh bean an tighe. ’S treasaiche gobha gual Go iarrunn fuar a bhruich; Dleasnas coire cnàimh ’Sa thoirt slàn go tigh. Thigeadh a’ bhean shìth air a h-ais ’h-uile latha leis a’ choire, agus feoil as cnàmhan ann. Latha bha ’n sin bha bean an tighe airson dol thar an aiseig do Bhail’ a Chaisteil, agus thuirt i r’a fear, “Ma their thusa ris a’ bhean shìth mar a their mise, falbhaidh mi ’Bhaile Chaisteil.” “U! their,” urs’ esan, “’s cinnteach gur mi ’their.” Bha e sniamh siamain fraoich gos a chur air an tigh. Chunnaic e bean a’ tighinn ’s faileas as a casan, ’s ghabh e eagal roimhpe. Dhruid e ’n dorusd as stad e d’a obair. Nur a thàinig ise do ’n dorusd cha d’ fhuair i ’n dorusd fosgailte, ’s cha d’ fhosgail esan di e. Chaidh i as cionn toll a bha ’s an tigh. Thug an coire da leum as, agus air an treas leum dh’ fhalbh e mach air drìom an tighe. Thàinig an oidhche, ’s cha d’ thàinig an coire. Thill a’ bhean thar an aiseig, ’s cha ’n fhac i dad de ’n choire stigh, agus dh’ fhoighnichd i ca ’n robh ’n coire. “Mata ’s coma leam ca’ bheil e,” urs’ a fear, “cha do ghabh mi riabh a leithid de dh’ eagal ’s a ghabh mi roimhe. Ghabh mi eagal, ’s dhùin mi ’n dorusd, ’s cha d’ thàinig i tuillidh leis. “A dhonain dhona, dè rinn thu? ’s dithisd a bhios gu don’ thu fhìn agus mise.” “Thig i ’m màireach leis.” “Cha d’ thig.” Sgioblaich i i fhìn, ’s dh’ fhalbh i ’s ràinig i ’n cnoc, ’s cha robh duine stigh. Bha e ’n déigh na dinnearach, ’s bha eud a mach am bial na h-oidhche. Ghabh i stigh. Chunnaic i ’n coire [TD 55] ’s thog i leath’ e. Bha e trom aice, ’san còrr a dh’ fhag eud ann. Nur a chunnaic am bodach a bha stigh i dol amach, thuirt e, A bhean bhalbh, a bhean bhalbh, A thàinig oirnn a tir nan sealg; Fhir a tha ’n uachdar a’ bhruth, Fuasgail an Dugh ’s lig an Garg. Ligeadh an da chù ma sgaoil, ’s cha b’ fhada bha is’ air falbh nur a chual i strathail nan con a’ tighinn. Ghléidh i ’n còrr a bha ’s a’ choire air alt ’s na ’m faigheadh i leath’ e gum bu mhath, ’s na ’n d’ thigeadh na coin gun tilgeadh i orr’ e. Dh’ fhairich i na coin a’ tighinn, ’s chuir i làmh sa’ choire, ’s thug i ’m bòrd as, ’s thilg i orra ceathra de na bh’ ann. Thug eud an aire treis air an siud. Dh’ fhairich i rìs eud, ’s thilg i pìos’ eil’ orra nur a chas eud urra. Dh’ fhalbh i coiseachd cho math ’s a dh’ fhaodadh i. Nur thàinig i dlùth air a’ bhaile thilg i ’bhial fodha, ’s dh’ fhàg i ’n siud aca na bh’ ann. Bhuail coin a’ bhail’ air comhartaich nur a chunnaic eud na coin shith ’stad. Cha d’ thàinig a’ bhean shìth riabh tuillidh a dh’ iarraidh a’ choire. [Beurla] [TD 56] XXVII. CAILLIACH MHOR CHLIBHRICH. From W. Ross, stalker. [Beurla] [TD 57-84] XXVIII. THE SMITH AND THE FAIRIES. From the Rev. Thomas Pattieson, Islay. [Beurla] [TD 85-88] XXIX. THE FINE. [Beurla] [TD 89] [Beurla] NA FEINNE. BHA ’n Fhìnn uair agus cheileadh an t-seilg orra, ’s cha robh fios aca dé dhianadh eud. Bha eud a’ falbh feadh tragha as cladach a’ cruinneachadh bhàirneach, ’s feuch an aimseadh calman na feadag orra. Bha eud a’ gabhail comhairle comhla airson gum falbhadh eud airson seilg fhaotainn. Ràinig eud cnoc ’s thàinig cadal orra. Dé chunnaic Fionn ach bruadar, gur h’ ann aig a’ charragh chreig’ ud shìos a bhiodh e ’n oidhche a b’ fhaide leis a thig na ’thàinig. Gum biodh e ’ga iomain air ais gus an cuireadh e ’dhriom ris a’ charragh chreige. Thug e leum as a chadal, ’s bhuail e chas air bial Dhiarmaid, ’s chuir e tri fiaclan as. Rug Diarmaid air cas Fhinn ’s chuir e unnsa fala bhàr h’ uile fìn’ a bh’ aige. “Ud dé rinn thu orm?” “De rinn thu fhin ormsa?” “Na gabh thusa mìothlachd a mhic mo pheathar; nur a dh’ innseas mi duit an reusan cha gabh thu gu don’ e.” “De ’n reusan?” “Chunna mi bruadar gur h-ann aig a’ charragh sin shìos a chuirinn seachad an oidhche bu doirbhe chuir mi riabh; gum bithinn air m’ iomain air m’ ais gus an cuirinn mo dhriom ris a’ charragh, ’s cha robh dol as an sin.” “De ’s eagal duinn? Co chuireadh eagal oirnn? Co thig?” arsa Diarmaid. “Tha eagal orm, a’s sinn air anacothrom an drasd, ma leanas so gum fagar gun fheum sinn,” arsa Fionn. Dh’ fhalbh eud ’s thilg eud croinn co dh’ fhalbhadh ’s co dh’ fhanadh. Bha ’n Fhéinn uil’ airson folbh. Cha robh Fionn deònach folbh, eagal gun d’ thugt’ amach an t-àite ma ’n d’ thigeadh eud. “Cha n fholbh mi,” ursa Fionn. “Còca dh’ fholbhas na dh’ fhanas thu falbhaidh sinne,” ursa iadsan. Dh’ fholbh càch, ach cha d’ fholbh Fionn. Stad [TD 90] eud, an oidhche sin a dh’ fholbh eud, aig bonn craoibhe. Rinn eud bùth agus thòisich eud air iomairt chairtean. Ursa Fionn nur dh’ fholbh càch, “Tha mi ’ga chur a cuid laoich na gaisgich duine sam bith a leanas a mach mi. Dh’ fholbh eud as déigh Fhinn. Chunnaic eud solusd rompa. Ghabh eud air an aghaidh far an robh ’n solusd. Co bha ’n so ach càch a’ cluichd air chairtean, ’s oidhche bhriagh reothaidh ann. Chuir Fionn fàilt orra go flathail, fialaidh. Nur a chual eud bruidhinn Fhinn thug an fheadhain a bha na’n laidhe làmh air éiridh, ’s bha ’n gruag air leantail ris a’ ghrunnd. Bha eud toilicht’ am maighstir fhaicinn. Taitneach còrr oidhche seilg fhaotainn, chaidh eud thun a’ bhaile. ’Dol seachad air àite ’b’ àbhaist daibh a bhi tighich chunnaic eud tigh, dh’ fheoraich eud dé ’n tigh a bha ’n siud. Thuirt eud riu gun robh tigh sealgair. Ràinig eud an tigh, ’s cha robh stigh ach boireannach. Bean a chòta chaoil uaine. Urs’ i riu, “Fhinn Mhic Cumhail ’se do bheatha an so.” Chaidh eud a stigh. Bha seachd dorsan air an tigh. Dh’ iarr Fionn air a ghillean suidhe ann an seachd dorsan an tighe. Rinn eud sin. Shuidh Fionn ’sa chuideachd san darna taobh de n tigh a ligeil an analach. Chaidh a’ bhean a mach. Nur a thàinig i stigh thuirt i, “Fhinn Mhic Cumhail ’s fhad’ o’n a bha mi ’g altachadh le slàinte dhuit, ach ’s beag is urra mi dheanadh riut a nochd; tha mac righ sluagh de Danainn a’ tighinn an so a nochd agus ochd ciad làn ghaisgeach aige.” “An taobh ud de ’n tigh acasan, ’san taobh so againne, mar an d’ thig e dh’ fhearaibh Eirinn.” Thàinig eud an sin ’s shuidh eud a stigh. “Cha lig sibh duin’ air ar taobhne,” ursa Fionn, “mar an d’ thig duine ’bhoineas d’ar cuideachd fhìn. Thàinig a’ bhean a stigh a rithisd ag ràdh. “Tha mac miadhonach righ Sluagh de Dana ’tighinn agus còig ciad treun ghaisgeach aige.” Thàinig eud ’s dh’ fhan còrr dhiu mach air cnoc. Tháinig i stigh a rithisd ag ràdh, “Tha mac is òige righ Sluagh de Dana tighinn agus còig ciad lùgh-ghaisgeach leis.” Thàinig i stigh a ris ag ràdh gun robh Gallaidh a’ tighinn agus còig ciad làn ghaisgeach leis. “An taobh so’ n tigh againne, ’s an taobh sin acasan, mar an d’ thig e dh’ fhearaibh Eirinn,” arsa Fionn. Rinn an Sluagh de Dana seachd streathan dhiu fhìn, ’s cha do theachd an ceathramh cuid a stigh dhiu. Bha eud na ’n tàmh gun smid. Thàinig gille dachaidh le torc a fhuair bàs leis a’ chaoile, gun sgath math, ’s tilgear siud air bialthaobh Fhinn le tàmailt. Rug h-aon de ghillean Fhinn air agus cheanghail e cheithir chaoil; thilg e fo ’n bhòrd e ’s bha eud a caitheadh [TD 91] smugaidean air. “Fuasgail mis’ agus lig ’nam sheasamh mi, cha mhi bu choireach gad is mi rinn e, agus bheir mi go torc thu cho math ’s a dh’ ith thu riabh.” “Ni mise sin,” arsa Fionn, “ach gad a shiùbhla tu còig chòigeabh na h-Eireann, mar an d’ thig thu man d’ thig an latha, beiridh mis’ ort.” Dh’ fhuasgail eud e. Dh’ fhalbh e ’s gillean leis. Cha b’ fhada bha eud nur a fhuair eud deagh thorc. Thàinig eud leis, ’s bhruich eud e, ’s bha eud ’ga itheadh. “S dona ’m biataiche feòl’ thu,” ursa Gallaidh ri Fionn. “Cha bhi sin agadsa na ’s fhaide r’a ràdh,” arsa Fionn agus cnàimh a’ chiobhuill aige ’na laimh. Chaith e ’n cnàimh, agus mharbh e seachd daoin’ as gach streath de n t-Sluagh de Dana, agus chuir so eud ’nan stad. Thàinig gille an sin dachaidh, ’s cù dugh Sluagh de Dana leis’ aig iarraidh còmhrag chon. Bha lodhainn chon aig a’ h-uile fear diusan, as dusan anns a’ h-uile lodhainn, agus dh’ fhalbh a’ chiad fhear diu agus dh’ fhuasgail e chiad dusan. Mharbh an cù dugh an dusan. Mharbh e eud a lìon dusan a’s dusan, gus nach d’ fhàgadh ach Bran ’na ònrachd. Ursa Fionn ri Conan, “Lig fuasgladh do Bhran, agus mar dian Bran deth e tha sin deth.” Dh’ fhuaisgail e e. Thòisich an da chù air a chéile. Cha b’ fhada gos an do thòisich Bran air gabhail iomanach. Ghabh eud eagal nur a chunnaic eud sin; ach dé bha air Bran ach crudha nimhe. Bha bròg òir air a’ crudha nimhe, ’s cha d’ thug eud deth a’ bhròg. Bha Bran ag amharc air Conan; ’s thug Conan deth a’ nis a’ bhròg. Chaidh e nis an dàil a’ choin duigh a rìs, ’s air an treas spoch a bhuail e air, thug e ’n sgòrnan as. Thug e ’n sin an cridhe ’s an gruan a mach as an uchd aige. Ghabh an cù mach thun a’ chnoic; dh’ aithnich gur h-e naimhdean a bh’ ann; thòisich e orra. Thàinig brath a stigh go Fionn, gon robh ’n cù dianadh mòran cron air an t-sluagh a muigh. “Thalla,” ursa Fionn, ri fear de na gillean, “agus caisg an cù.” Chaidh an gille mach comhla ris a’ chù. Thàinig brath a stigh gon robh an gille ’g obair na bu mhiosa na ’n cù. O fhear go fear chaidh eud a mach gos an d’ fhàgadh Fionn a stigh ’na ònrachd. Mharbh an Fhìnn an Sluagh de Danainn uile. Dh’ fhalbh gillean na Fìnne mach uile, ’s cha do chuimhnich eud gun d’ fhàg eud Fionn a stigh. Nur a chunnaic clann an righ gon d’ fhalbh càch air fad ’thuirt eud gom faigheadh eud ceann Fhìnn ’sa chridhe. Thòisich eud air, agus dh’ iomain eud air ais e ’gos an d’ ràinig e carragh creige aig ceaunn an tighe. Chuir e dhriom ris, ’s bha e ’gan cumail deth. Chuimhnich e ’n so air a’ bhruadar. Bha e air fheuchainn go teaunn. Bha aig [TD 92] Fionn an t-òrd Fianna, ’s nur a bhiodh e ’na éigin sheinneadh e leis fhìn, agus chluint’ aunn an còig chòigeabh na h-Eireann e. Chual na gillean e; chruinnich eud ’s thill eud. Bha e beò, ’s cha robh tuillidh air. Thog eud e air bharraibh nan sleagh. Chaidh e ’na b’ fheàrr. Mharbh eud mic an righ ’s na bha beò d’ an sluagh. Fhuair eud an t-seilg mur a bha i riabh. [Beurla] [TD 93] [Notes] [Beurla] [TD 94-95] XXX. THE TWO SHEPHERDS. [Beurla] [TD 96] [Beurla] AN DA CHIOBAIR. BHA, mach eadar Lochabar agus Bàideanach, da chìobair a bha ’nan nàbaidhean aig a chéile, ’s bhiodh an darna fear, gu bicheanta, dol a dh’ amharc an fhir eile. Bha fear air taobh na h-aird an iar de ’n abhainn, ’s fear eile air taobh na h-aird an ear. Thàinig am fear a bh’ air taobh na h-aird an iar de ’n abhainn ’ionnsuidh tigh an fhir a bh’ air taobh na h-aird an ear di, air cheilidh. “Dh’ fhan e gos an robh e go math anmoch, ’s bha e ’n sin deònach air dol dachaidh. “Tha ’n t-am dol dachaidh,” urs’ esan. “Cha ’ne sin a ni thu ach fanaidh tu nochd,” urs’ am fear eile, “on a tha e cho fada ’s an oidhche.” “Cha ’n fhan mi codhiu; na ’m bithinn thar na h-abhann tha mi coma tuillidh.” Bha mac go math làidir aig fear an tighe ’s thuirt e, “Théid mise leat ’s cuiridh mi thar na h-aibhne thu; ach ’s fheàrra duit fantail.” “Cha ’n fhan mi codhiu.” “Mar am fan falbhaidh mise leat.” Dh’ eubh mac fir an tighe air galla ’bh’ aig’ a’ cìobaireachd. Dh’ fhalbh a’ ghalla leis. Nur a chuir e null an duin’ air an taobh eile de ’n abhainn thuirt an duine ris. “Bi tilleadh a nis tha mi fad ann a’d’ chomain.” Thill an gille làidir agus a’ ghalla comhla ris. Nur a ràinig e ’n abhainn, agus e tilleadh air ais dachaidh, bha e smaointeachadh còca a ghabhadh e na sìnteagan, na chuireadh e dheth a chaisbheart agus a ghabhadh e go h-ìseal. Chur e dheth a chaisbheart eagal na sìnteagan a ghabhail, ’s nur a bha e null anns an abhainn, leum a’ ghalla bha leis ann an cùl a chinn. Thilg e deth i. Leum i rithisd. Rinn e ’n ni cianda. Nur bha e ’n taobh thall de ’n abhainn, chuir e làmh air a cheann, ’s cha robh spìdeag de ’n bhoinneid air. Bha e ’s an ag a gradh còca thilleadh e dh’ iarraidh no boinneid, na rachadh e dhachaidh as a h’ ioghnais. “’S ceacharra domh fhìn gun till mi dachaidh gun mo bhoinneid; tillidh mi null fhathasd gos an àite an do chuir mi dhiom mo chaisbheart; ’s ann ann a tha amharus agam a dh’ fhàg mi i.” Thill e ’n so go taobh thaull na h-aibhne. Chunnaic e fear ro mhòr [TD 97] ’na shuidhe far an robh e, ’sa bhoinneid fhìn ’na làimh. Rug e air a’ bhoinneid ’s thug e uaidh’ i. “Dé do ghnothach sa ris a sin?” “Mo chuid fhìn a th’ ann, ’s nach robh gnothach agadsa toirt uam, gad a tha i agad.” Null, an sin, thar an abhainn dh’ fhalbh eud, ’s gun facal aca r’a chéile, go fiachach fuachach. Nur a chaidh eud a null, an sin, air an abhainn chuir am fear mòr a làmh fo achlais a’ chìobair, ’s thòisich e air a’ ghille a tharuinn a sìos gu loch a bha ’n sin, an aghaidh a thoil ’s an aghaidh a neart. Sheas eud aghaidh ri aghaidh, go treun calm’ air gach taobh. A dh’ aindeoin cho làidir ’s a bha mac a’ chìobair bha ’m fear mòr a’ brath buadhachadh. ’Se smaointich mac a’ chìobair a nis a làmh a chur timchioll air craobh dharaich a bha ’san àite. Bha ’m fear mòr a’ strìth ra thoirt leis, ’s bha chraobh a’ lùbadh ’s a’ fàsgadh. Fo dheireadh bha chraobh a’ fuasgladh as an talamh. Dh’ fhuasgail i ach aon fhreumhach di. ’San am an d’ fhuasgail an fhreumhach ma dheireadh de ’n chraoibh, ghairm na coilich a bha feadh na coille. Thuig mac a’ chìobair, nur a chual e na coilich a’ gairm, gon robh e air an taobh ghoirid de ’n latha. Nur a chual eud eatorra na coilich a’ gairm thuirt am fear mòr, “’S math a sheas thu, ’s bha feum agad air, airneo, bhiodh do bhoinneid daor duit.” Dhealaich am fear mòr ris, ’s cha d’ fhairich eud sgath riabh tuillidh a chòir na n-aibhne. [Beurla] [TD 98-112] [Notes] [Beurla] [TD 113-15] XXXI. OSEAN AFTER THE FEEN. From Barra. [Beurla] [TD 116] OISEAN AN DEIGH NA FEINNE. BHA Oisean ’na shean duin’ an déigh na Fìnne ’s e fuireachd an tigh a nighinne. Bha e daull, bodhar, bacach, ’s bha naoidh deilg daraich ’na bhroinn, ’s e ’g itheadh na càin a bh’ aig Pàdraig air Eirinn. Bha eud an sin a’ sgrìobhadh na seann eachdraidh a bha e ’g innseadh dhaibh. Mharbh eud damh ro mhòr; rùisg eud an calpa, ’s thug eud a ’ionnsuidh an cnàimh. “A nis am faca tu calpa riabh a bu ghairbhe na sin ’san Fhìnn.” “Chunna mi cnàimh isein an lòn duigh, ’s rachadh e ma ’n cuairt an taobh a stigh dheth.” “Cha n ’eil an sin ach na briagan.” Nur a chual e so rug e air na leabhraichean le corraich, agus chuir e ’san tein’ eud. Thug a nighean as an tein’ eud, ’s chuir i as eud, ’s ghléidh i eud. Dh’ iarr Oisean de dh’ achanaich an gill’ agus an cù bu mhiosa bha ’san Fhìnn a chur cudthrom air uchd. Dh’ fhairich e cudthrom air uchd. “Dé so?” “Mise Mac na Ruaghadh.” “De ’n cudthrom ud a tha mi faotainn aig mo chasan?” “Tha MacBuidheig.” Dh’ fhan eud mur a bha eud gos an d’ thàinig a latha. Nur a thàinig an latha dh’ éiridh eud. Dh’ iarr e air a ghille ’thoirt go leithid so de ghleann. Ràinig an gille an gleann leis. Thug e mach fìdeag a a phòca ’s sheinn e i. “Am faic thu dad sam bith a dol seachad air an aonadh ud shuas?” “Chi mi féidh ann.” Dé ’n seòrsa a chi thu ann?” “Chi mi feadhain chaola ghlas ann.” “Sin agad sìol na Luine luaithe; lig seachad eud.” “Dé ’n seòrsa chi thu ’n dràsd?” “Ch mi feadhain sheanga riabhach.” “Sinn agad sìol na Deirge dàsanaich; lig seachad eud.” “Dé ’n fheadhain a chi thu ’n dràsd?” “Chi mi feadhain throma loma.” “Lig an cù thuca Mhic Bhuidheig!” Dh’ fhalbh Mac Bhuidheig. “A bheil e leagail na leoir?” “Tha.” “Nur a chi thu nis aon dusan aige caisgidh thu e.” Nur a shaoil e gun robh eud aige sheinn e ’n fhìdeag ’s chaisg e ’n cù. “Nis ma tha ’n cuillean buidheach seilge thig e gu modhail, socair; mur ’eil thig e ’s a chraos fosgailt.” Bha e tighinn ’sa chraos fosgailte ’sa theanga mach air a bhial. “’S dona ’n rud a rinn thu an cuilean a chasg ’s gun e buidheach seilg. Nur a thig e beir air mo làimhsa ’s fiach an cuir thu stigh na chraos i, no bidh sinn aige.” Chuir e stigh làmh Oisein ’na chraos ’s chrath e ’n sgòrnan as. “Thalla, cruinnich na daimh ’ionnsuidh an tom luachrach.” Dh’ fhalbh e ’s dianar siud, agus [TD 117] ’se naoidh daimh a bh’ ann, agus cha b’ uilear do dh’ Oisean siud ’na onrachd, ’s bha cuid a’ ghill air chaull. “Cuir mo dha laimhsa ma ’n tom luachrach a tha ’n so.” Rinn e siud ’s bha ’n coire mòr a b’ àbhaist a bhi aig an Fhìnn ann, “Dian anis deas ’s cuir na daimh anns a’ choire ’s cuir gealbhan foidhe.” Rinn an gille siud. Nur a bha eud an so deas airson an gabhail, urs’ Oisean ris. “Na bean thusa dhaibh gos an gabh mise mo dhial an toiseach.” Thòisich Oisean orra, ’sa h-uile fear a dh’ itheadh e bheireadh e fear de na deilg as a bhroinn. Nur a bha sia aig Oisean air an itheadh bha tri aig a ghill’ air an toirt uaidhe. “An d’ rinn thu so orm?” urs’ Oisean. “Rinn,” urs’ esan, “dh’ fheumainnsa beagan, nur a bha mòran agad fhìn diu.” “Fiach an d’ thoir thu mis’ ionnsuidh a leithid so do chreag.” Rinn e siud. Chaidh e sios an sin ’s thug e mach isean lòn duigh as a’ chreig. “Thugainn a bhi falbh dachaidh.” Rug an gill’ air achlais air ’s dh’ fhalbh eud. Nur a bha e smaointeachadh gon robh eud a’ teannadh air an tigh thuirt e. “A bheil sinn a’ teannadh goirid o’n tigh.” “Tha,” urs’ an gille, “An ruigeadh eubh duin’ air an tigh far a bheil sin an dràsd.” “Ruigeadh.” “Cuir m’ aghaidhsa dìreach air an tigh.” Rinn an gille siud. Nur a bha e tigh’n air an tigh rug e air a’ ghille ’s chuir e làmh ’na sgòrnan ’s mharbh e e. “So,” urs’ esan, “cha bhi thusa na fear eile ’g innseadh eachdraidh a’m’ dhéigh-sa.” Chaidh e dachaidh ’s a làmhan ’s a’ bhalla ’s dh’ fhàg e isean an lòn duigh a stigh. Bha eud a’ feòraidh deth càit’ an robh e o thàinig an latha. Thuirt e gon robh e far am minig an do chuir e làithean sòlasach, toilichte seachad. “Demur a chaidh thus’ an sin ’s thu daull?” “Fhuair mi cothrom air a dhol ann an diugh co dhiu. Tha PEATA beag an siud a thug mi dachaidh ’s thugaibh a steach e.” Dh’ fhalbh eud a mach a choimhead, ’s ma dh’ fhalbh, cha deach a mach na bheireadh dachaidh e. Dh’ eiridh e fhìn a mach ’s thug e steach e. Dh’ iarr e corc. Rug e air a chalpa, ’s rùisg e e, ’s thug e ’n fheòil deth. Bhris e da cheann a’ chnàimh. “Faighibh a nis calp’ an daimh odhair a bha sibh ag radh nach fhaca mise riabh a leithid ’s an Fhinn.” Fhuair eud so dha ’s thilg e mach romh tholl an smior aig e. Bha e ’n so air a dhianadh fìrinneach. Thòisich eud air iarraidh tuillidh eachdraidh air, ach dh’ fhairtlich orra riabh toirt air tòiseachadh orra tuillidh. [Beurla] [TD 118-20] [Notes] [Beurla] [TD 121-131] XXXII. THE BARRA WIDOW’S SON. From Alexander MacNeill, tenant and fisherman, then at Tangual, Barra. [Beurla] [TD 132] [Beurla] MAC NA BANTRAICH BHARRACH. BHA bantrach bhochd ann am Barra, agus bha leanabh mic aice, agus ’s e Iain b’ ainm dha. Bhiodh i dol do ’n tràigh a chruinneachadh maoraich airson i fhìn ’s an leanabh a bheathachadh. Nur a bha i ’san tràigh latha bha ’n sin dé chunnaic i ach soitheach air an aird an Iar de Bharra. Chuir triuir de na bha air bòrd a mach bàta ’s cha b’ fhada bha eud a’ tigh’n air [TD 133] tìr. Chaidh ise gos a’ chladach ’s dhòirt i ’m maorach làmh riutha. Chuir Maighstir an t-soithich ceisd urra de ’n rud a bha ’n siud. Thuirt i go ’n robh maorach cladaich, am biadh a bh’ aice. “Dé ’n gilie beag, bàn a tha ’n so?” “Mac domh.” “Thoir dhomhs’ e, agus bheir mi dhuit òr agus airgiod, agus gheibh e sgoil as ionnsachadh, ’s bidh e na ’s fheàrr ’na bhi agads’ an so.” “’S fheàrr leam bàs fhuileann na ’m pàisd’ a thoirt seachad.” “Tha thu gòrrach, bidh thu fhìn ’s an leanabh go math ma ligeas tu leam e.” Le gaol an airgid thuirt i gon d’ thugadh i ’n leanabh da. “Thallaibh an so ghillean. Theirigibh air bòrd; so duibh iuchair; fosglaibh press anns a chabin, ’s bheir sibh thugamsa bòsdan a gheibh sibh ann.” Dh’ fhalbh eud; rinn eud siud ’s thàinig eud. Rug e air bosca’ dh’ fhosgail e e—dhoirt e ’na sguirt e ’s cha do chunnd e idir e, ’s thug e leis an leanabh. Dh’ fhan ise mur a bha i, ’s nur chunnaic i ’n leanabh a dol air bòrd, bheireadh i na chunnaic i riabh go ’n robh e aice. Sheòl esan air falbh agus ghabh e go ruige Sasunn. Thug e sgoil a’s ionnsachadh do ’n bhalach gos an robh e ochd bliadhna diag, air an t-soitheach. ’Se Iain Albannach a bh’ air a’ bhalach an toiseach. Thug esan Iain Mac a Mhaighstir air, a thaobh gom be fhìn maighstir an t-soithich. Bha aig owner an t-soithich seachd soithichean air muir, agus seachd bùthannan air tir—a’ h-uile té gabhail thun a bùth fhìn le a luchd. Thachair do na seachd loingeas a bhi aig an tigh comhla. Thug an sealbhadair suas leis na seachd sgiobairean thun an tighe. “Tha mi ’fas trom aosd’,” urs’ esan. “Tha sibh an sin seachd maighstirean—cha robh gin agam gu léir a bu docha leam na thusa—tha mi gon duine cloinne gad a tha mi pòsda. Cha ’n ’eil fhios’am co aig a dh’ fhàgas mi mo chuid, agus cuid mhòr agam. Cha robh gin a bu docha leam a thoirt da na thusa, ach go ’bheil thu gon chlann mar mi fhìn.” “Tha agams’,” urs’ an sgiobair, “mac ochd bliadhna diag a dh’ aois anns an t-soitheach gon a liginn aisd’ idir.” “Nach neònach leamsa sin agad ’s gon mise g’a chluinntinn riabh.” “’S iomadh rud a dh’ fhaodadh a bhi aig mo leithidsa nach bithinn aig innseadh dhuibhse.” “Falbh ’s thoir thugams’ a nuas e ’s gom faicinn e.” Dh’ fhalbh e ’s thug e nuas e, ’s chuir e ’n òrdugh e. “An e so do mhacsa?” “’S e,” urs’ an sgiobair. “Còca ’s fheàrr leat fuireachd agamsa, na falbh le t’ athair air a’ mhuir mur a bha thu roimhid, ’s gun dian mise dìleabach dìot go bràthach.” “Mata ’s ann air muir a fhuair mi mo thogail riabh, ’s cha d’ fhuair mi dad o m’ òig air tìr; le sin [TD 134] ’s ann air muir a b’ fheàrr leam a bhi; ach o ’n tha sibhs’ a’ cur roimhibh go ’n cum sibh mi ’gom fan mi agaibh fhìn.” “Tha seachd bùthannan agam air tìr, agus feumaidh tu làmh a ghabhail anns na seachd bùthannan.” “Tha cléireach aig a h-uile fear riabh de na bùthannan,” urs’ esan; “cha gabh h-aon aca droch bharail orra fhìn, nach ’eil eud cho math riumsa; ma tha sibh a cur mar fhiachaibh ormsa go ’n gàbh mi eud, gabhaidh mi ’n seachdamh fear diu. Ghabh e ’n seachdamh fear de na bùthannan, ’sa chiad latha da dol ann ’chuir e fios feadh a’ bhaile, an rud a bha roimhid punnd gom biodh e air còig tasdain diag, air alt ’s gon d’ thàinig ’h-uile rud a bhà a’ bhùth nuas ’s gon robh ’m bùth falamh ma’ n d’ thàinig na soithichean. Chaidh e stigh, chunndais e chuid airgid, ’s thuirt e go ’n robh ’m bùth falamh. “Cha n’ ioghnadh gad a bhitheadh, san rud a bha roimhid air punnd thu g’a ligeil sìos go còig tasdain diag.” “Agus, oide, ’bheil sibhse ’ga ghabhail sin go h-olc; nach eil sibh a’ faicinn gon cuirinnsa mach na bh’ anns a bhùth seachd uairean ma ’n cuireadh eudsan a mach aon uair e.” “Leis an sin feumaidh tu làmh a ghabhail ri càch agus an ligeil a mach mur sin.” Ghabh e n sin làmh ri càch, agus bha e ’na mhaighstir as cionn nan cléireach eile. Nur a thàinig na soithichean bha na bùthannan go léir falamh. Thuirt a mhaighstir ris a nis, “Còca ’s fheàrr leat a bhi ’d’ mhaighstir thar nam bùthannan, na falbh le h-aon de na seachd soithichean; gheibh thu do roighinn de na seachd soithichean.” “’S ann air muir a thogadh riabh mi ’s gabhaidh mi soitheach.” Fhuair e soitheach. “Thallaibh, cuiribh thugamsa na seachd sgiobairean.” Thàinig na seachd sgiobairean a ’ionnsuidh. “Nis,” urs’ esan, ris na sia sgiobairean a bha dol le Iain. “Tha Iain a’ dol leibh—cuiridh sibh tri soithichean air thoiseach, ’s tri air deireadh, ’s bidh esan ’sa mhiadhon; ’s mur an d’ thoir sibh thugamsa slàn e cha ’n ’eil ach breith oirbh ’s ’ur crochadh.” “Mata m’ oide,” urs’ Iain, “cha ’n ’eil sin freagarrach. Tha na soithichean a’ falbh comhla; faodaibh stoirm tighinn agus ar fuadach o chéile. Dianadh h-uile h-aon mar is fheàrr a dh’ fhaodas e.” Dh’ fhalbh na soithichean—sheòl eud—agus ’se luchd guail a chuir Iain a stigh na thé fhìn. Thàinig latha mòr stoirm orra. Dh’ fhuadaicheadh o chéil’ eud. C’ a ’n do sheòl Iain ach do ’n Tuirc. Ghabh e acair ’s an Tuirc trath latha. Smaoinich e dol air tìr a ghabhail sràid. Bha e gabhail roimhe ’coiseachd. [TD 135] Chunnaic e dithisd as an léintean ag obair, ’s mar gom biodh da shùisid iaruinn aca. Dé bh’ ac’ ach corp duine. “Dé tha sibh a dianadh ris a’ chorp.” “’Se Criosdaidh a bh’ ann. Bha ochd mairg againn air, ’s o’n nach do phàigh e sinn nur a bha e beo bheir sinn a a chorp leis na sùisdean e.” “Mata ligibh leams’ e agus pàighidh mi dhuibh na h-ochd mairg.” Rug e air—thug e uath’ e—phaigh a eud agus chuir e ùir as talamh air. Bha e luath leis tilleadh air ais gos am faiceadh e tuillidh de dh’ fhearann na Tuirc. Ghabh e air aghaidh treis, agus dé chunnaic e ’n sin ach grunnan mòr dhaoine cruinn. Ghabh e null far an robh eud. Dé chunnaic e ach craoslach mòr teine, de theine mhor leathann, agus boireannach rùisgt’ eadar an teine ’s eud fhìn. “De,” urs’ esan “a tha sibh a dianadh an so.” “Tha,” urs’ eudsan, “da bhana Chriosdaidh a fhuair an Turcach mòr. Rugadh orra air a’ chuan. Tha eud o cheann ochd bliadhna aige. Bha ’n te so ’gealltainn da gom pòsadh i e h-uile bliadhna. Nur thàinig an t-am cha phòsadh i bad deth. Dh’ òrdaich e i fhìn ’s am boireannach a bha comhla rithe ’losgadh. Loisgeadh an darna té dhiu ’s tha i so gon losgadh fhathasd.” “Bheir mi fhìn duibh tiodhlac math airgid agus òir ma ligeas sibh leam i, agus faodaidh sibh a ràdh ris gon do loisg sibh i.” Sheall eud air a chéile. Thuirt eud gom faigheadh e siud. Dh’ fhalbh e ’s thug e leis air bord i, agus sgeadaich e i ’n aodach ’s an anart. “Nis,” urs’ ise, “shabhail thu mo bheatha dhomh. Feumaidh tu ’n aire thoirt ort fhìn ’s an àite so. Théid thu suas a nis do ’n tigh sheins’ ud shuas. Cuiridh fear an tigh sheinse ceisd ort dé ’n luchd a th’ agad. Abraidh tusa luchd guail. Abraidh esan gor math a mhiadh siud ’san àite a bheil thu airson a reic. Abraidh tusa gor ann airson a reic a thàinig thu; dé ’n tairgse bheir e air. Their esan, “A màireach air sia uairean bidh waggon òir a’ dol a sios ’s waggon guail a’ dol a suas, air alt ’s gon cumar an soitheach anns an aon trump go sia uairean an ath oìdhch.’” Abair thusa gon gabh thu siud; ach anns an oidhche’ mur am bi thusa a’d-earalas thig eud ’s an oidhche, nur a tha h-uile duine na ’n cadal, le musgannan ’s le dagannan; cuiridh eud an soitheach air a ghrund; marbhaidh eud a h-uile duine, ’s ’bheir eud leo an t-òr. Chaidh e far an robh fear an tigh sheise agus chòrd e ris mar a sheòl is’ e. Thòisich eud an la’r na mhàireach ’sa mhadainn air cur sìos an òir ’s air toirt suas a’ ghuail. Bha fear aig an sgiobair ’na sheasamh ag amharc gom biodh an soitheach ann an trump. Nur a bha ’n gual a mach, [TD 136] ’sa bha ’n soitheach cho trom leis an òr ’s a bha i leis a ghual, ’s nur a bha esan air tìr, fhuair is’ òrdan na seòladairean a ghabhail a comhairle gos an d’ thigeadh esan. “Cuiribh suas,” urs’ ise, “na siuil, ’s tàirnibh na h’ acraichean. Cuiribh ròp’ air tir.” Rinn eud siud. Thàinig esan air bòrd. Sheòl an soitheach air falbh feadh na h-oidhche. Chual eud urchair; ach bha eudsan a mach ’s cha d’ rug eud orra tuillidh. Sheòl eud go ruige Sasunn. Bha tri soithichean àir tilleadh, ’s bha na tri sgiobairean am prìosan gos an tilleadh Iain. Ghabh Iain suas ’s ràinig e oide. Chaidh an t-òr a thoirt air tìr, ’s bha da dhrian aig a bhodach, ’s drian aig Iain. Fhuair e seombraichean do ’n bhoireannach far nach cuirte dragh urra. “A bheil thu smaointeachadh go falbh thu fhathasd,” urs’ am boireannach ris. “Tha mi smaointeachadh go bheil na leoir dhe ’n t-saoghal agam siud fhìn.” “Dh’ fhalbh thu roimhid le t’ thoil fhìn; na ’m biodh tu cho math ’s gom falbhadh thu nis le ’m thoilsa.” “Ni mi sin.” “Thalla do ’n bhuth ud a muigh, thoir as còt’, agus brigis, agus peitean. Feuch am faigh thu luchd sgadain, agus théid thu do ’n Spàin leis. Nur a bhios an luchd a stigh thig far a bheil mise ma ’m falbh thu.” Nur a fhuair e ’n luchd air bòrd chaidh e far an robh i. “An d’ fhuair thu ’n luchd air bord?” “Fhuair.” “Tha deise ’n so, ’s a chiad Domhnach an déigh dhuit an Spàin a ruigheachd, cuiridh tu umad i, agus theid thu do ’n eaglais leatha. So fìdeag, agus fàinne, agus leobhar. Bidh each agus gille leat. Cuiridh tu ’m fàinne air do mhiar, bidh an leobhar a’d’ làimh. Chi thu anns an eaglais tri cathraichean, da chathair amluidh òir, agus cathair airgid. Beiridh tu air an leabhar ’s bidh thu ’ga leubhadh; ’s a’ chiad duin’ a théid a mach as an eaglais bi thus’ amach; na fan ri duine beo mur an coinnich an righ sa bhan-righ thu.” Sheòl e go ruig an Spàin, ghabh e acarsaid, ’s ghabh e suas do ’n tigh sheinse. Dh’ iarr e dinneir a chur air dòigh. Chuireadh an dinnear air a bhòrd. Dh’ iadhaicheadh sìos ’ga iarraidh. Chuireadh a sìos trinsear air a’ bhòrd, agus mias air a mhuinn, agus thuirt bean an tigh sheinse ris, “Tha biadh a’s deoch na leoir air a bhòrd ma ’r coinneamh; gabhaibh ’ur leoir, ach na togaibh a mhias a th’ air muinn an trinseir.” Tharruinn i ’n doras leatha. Thòisich e air a dhinneir. Smaoinich e aige fhìn gad a b’ e ’làn òir a bhiodh anns an trinseir, na ’làn daoimean, nach deachaidh sgath riabh air a’ bhòrd nach fhaodadh e phàigheadh. Thog e mhias bhàr an trinseir, ’s dé bh’ air an trinsear [TD 137] ach da sgadan. “Ma ’s e so rud a bha i falach orm cha ruigeadh i leas e.” Dh’ ith e aon sgadan ’s na darna taobh do ’n fhear eile. Nur chunnaic bean an tighe gan robh ’n sgadan ithte, “Mo chreach mhòr,” urs’ ise, “mar a dh’ éiridh domh; nach robh mi latha riabh nach fhaodainn muinntir na rioghachd a ghleidheadh gos an diugh. De dh’ éiridh dhuit?” “Tha nach robh mi latha riabh nach faodainn sgadan a chur air am bialthaobh gos an diugh.” “Dé bheireadh thu air baraille sgadan?” “Fichead punnd Sasnach.” “Dé bheireadh thu air luchd soithich?” “Sin rud nach b’ urra mi ’cheannach.” “Mata bheir mise duit da chiad sgadan airson an da sgadain. B’ fhearr leam gon robh ’n soitheach air falbh ’s na sgadain creicte.” A chiad Di Domhnaich fhuair e each le strian as dìollaid, agus gille. Dh’ fhalbh e do ’n eaglais. Chunnaic e na tri cathraichean. Shuidh a bhanrigh air an làimh dheas de ’n righ ’s shuidh e fhìn air an làimh thosgail. Thug e mach an leobhar a a phòca ’s thòisich e air leubhadh. Cha b’ ann air searmoin a bha àir’ aig an rìgh na aig a bhanrigh, ach a’ sileadh nan diar. Nur a sgaoil an t-searmoin ghabh e mach. Bha triuir stàtan as a dhéigh, aig eubhach ris gon robh gnothach aig an rìgh ris. Cha tilleadh e. Thug e ’n tigh seins’ an oidhche sin air. Dh’ fhan e mar a bha e gos an ath Dhomhnach. Chaidh e ’n t-searmoin, cha ’n fhanadh e ri duine, ’s thill e do ’n thigh sheinse. An treas Domhnach chaidh e do ’n eaglais. Am miadhan na searmoin thàinig an righ ’s a’ bhanrigh a mach. Sheas eud aig gach taobh do ’n t-sréin. Nur chunnaic an righ esan a tigh ’n a mach, lig e as an t-srian, thug e ada dheth do làr, ’s rinn e modh dha. “Le ’r cead cha ruig sibh a leas a leithid sin de mhodh a dhianadh dhomhsa, ’s ann a bu chòir dhomhsa dhianadh dhuibh fhìn.” “Na ’m b’ e ’ur toil gon rachadh sibh leinn a ghabhail dinnear do ’n phaileas.” “Ud ud ’s e duine sìos uaibhse rachainns ’ghabhail dinnearach leis!” Ràinig eud am paileas. Chuireadh biadh an àite ’chaitheadh dhaibh, agus deoch an àite ’h-òl, ’s ceòl an àit’ éisdeachd. Bha eud a’ caitheadh na cuirme ’s na cuideachd le solas ’s le toil-inntinn, ri linn dùil a bhi aca gom faigheadh eud naigheachd air an nighinn. “A sgiobair na luinge,” urs’ a bhanrigh, “na ceil orm dad a tha mi dol a dh’ fhoighneachd dìot.” “Dad sam bith a th’ agams’ is urrainn mi innseadh dhuibh cha cheil mi oirbh.” “Na ceilibh orm nach làmh boireannaich a chuir a’ [TD 138] chulaidh sin ma’r driom, bhur cota, bhur brigis, ’s ’ur peitean; ’s a thug dhuibh am fàinne bha mu’r miar, ’s an leobhar a bha ’nur làimh, ’s an fhìdeag a bha sibh a’ seinn.” “Cha cheil mi. Le làimh dheas boireannaich a shìneadh a h-uile sgath dhiu sin domhsa.” “’S c’àit’ an d’ fhuair thu i? ’s nighean leams’ a tha ’n sin.” “Cha ’n ’eil fios agamsa co da ’n nighean i. Fhuair mis’ i anns an Tuirc a’ dol g’a losgadh ann an craoslach mòr teine.” “Am fac thu boireannach comhla rithe?” “Cha ’n fhac. Bha i ’n deigh a losgadh ma ’n d’ ràinig mi. Cheannaich mi ise le h-òr ’s le airgiod, thug mi leam i, ’s tha i ann an seombar an Sasunn.” “Bha Seanailear mòr aig an rìgh,” ars’ a’ bhanrigh, “’s dé rinn e ach gaol a ghabhail urra. Bha h-athair aig iarraidh urra phòsadh ’s cha phòsadh i e. Dh’ fhalbh i fhìn ’s nighean bhràthar a h-athar le soitheach, fiach an ligeadh e air Diochuimhn’ i. Chaidh eud thairis do ’n Tuirc. Ghlac an Turcach eud, ’s cha robh dùil againn a faicinn beò go bràthach. Ma ’se ’ur toils’ e, ’s go bheil sibh fhìn deònach, cuiridh mise long leibh a ’h iarraidh; gheibh sibh i fhìn a’ pòsadh, leith na rioghachd fad ’s is beò an righ, ’s an rioghachd uile nur a bhios e marbh.” “Cha ’n fhiach leam sin a dhianadh, ach cuiridh sibhse soitheach agus sgiobair air falbh, ’s bheir mise dachaidh i, ’s ma ’s e sin a toil fhìn dh’ fhaoidte nach bi mise ’na aghaidh.” Chaidh soitheach a dhianadh deas. Dé rinn an Seanailear ach gille phàigheadh’ airson a thoirt air bòrd gon fhios do ’n sgiobair. Fhuair e ’san am, e fhìn fhalach ann am baraille. Sheòl eud, fada goirid gon robh eud, go ruige Sasunn. Thug eud is’ air bòrd ’s shèol eud air an ais airson na Spàin. Am miadhon a’ chuain, latha briagh, thàinig esan agus ise nìos air an deck. Dè chunnaic e ach eilean an taobh thall deth. Bha e go math fèitheil ’san am. “Ghillean,” ars’ esan, “thugaibh mis’ air an eilean treis a shealg, gos an d’ thig coslas soirbheis oirnn.” “Bheir,” ars’ àdsan. Chuir eud air tìr air an eilean e. Nur a dh’ fhàg eud air an eilean e thill am bàta. Nur chunnaic an Seanailear gon robh e air an eilean, gheall e tuillidh tuarasdail do ’n sgiobair agus don sgiobadh, ’s eud a ’fhàgail an siud agus dh’fhàg eud Iain air an eilean. Nur a mhothaich ise gon d’ fhàg eud air an eilean e, chaidh i air a choitheach, s b’ eigin a ceangal. Sheòl eud do ’n Spàin. Chuir eud fios ’ionnsuidh an rìgh gon robh a nighean an déigh fas gòrach, a réir coslais, airson call aobhar a fir ’s a leannain. Chaidh an rìgh go mulad, ’s go leann-dugh, ’s go bròn, ’s go [TD 139] bristeadh cridhe; chionn mur a dh’ éiridh dha, ’s gon a bhi aig’ ach i do mhac na ’nighean. Bha Iain ’san eilean, fhionna ’s fhiasag air dol thairis air, a ghruag sios eadar a dha shlinnean, na brògan air an cnàmh, ’s gun snàthainn aodaich air nach robh air falbh na bhìdeagan, gon ghreim feòl air, ach na cnàmhan a’ leantail ra cheile. Oidhche de na h-oidhchean dé chual e ach iomram bàta tìgh ’n thun an eilean. “A bheil thu ’n sin Iain Albannaich?” ars’ am fear a bha ’s a bhàta. Gad a bha cha do fhreagair. B’ fheàrr leis bàs fhaotainn taobh cnoic na gom biodh e air a mharbhadh. “Tha fhios’ am go bheil thu ’gam chluinntinn agus freagair, ’s cearta cho math dhuit mise fhreagairt, ’s mi dhol suas, ’s gon d’ thoir mi nuas gon taing thu.” Dh’ fhalbh e ’s ghabh e sìos. “A bheil thu deònach falbh as an eilean?” “Mata tha, ’s mi tha ’sin, na ’m faighinn mo thoirt as.” “Dé bheireadh thu do dhuine bheireidh as an so thu?” “Bha uair ’s dh’ fhaodoinn rud a thoirt do dhuine bheireadh as an so mi; ach an diugh cha ’n ’eil sgath agam.” “An d’ thoireadh thu dha leith do rioghachd?” “Cha bhi rioghachd am feasd agam, na ’m bitheadh bheireadh.” “An d’ thugadh thu ’n darna leith de d’ mhnaoi do dhuine bheireadh as an so thu?” “Cha ’n ’eil sin agam.” “Cha ’n ’eil mise ’g radh gad a bhitheadh gon d’ thugadh thu seachad i.” “Bheireadh.” “An d’ thugadh thu leith do chloinne do dhuine bheireadh as an so thu?” “Bheireadh.” “Nuas, suidh an deireadh a’ bhàta.” Shuidh e ’n deireadh a bhàta. “Co dhiu ’s fheàrr leat dol do Shasunn na do ’n Spàin?” “Do ’n Spàin.” Dh’ fhalbh e leis, ’s ma ’n d’ thàinig an latha bha e ’san Spàin. Ghabh e suas do ’n tigh sheinse. Dh’ aithnich bean an tigh sheinse ’sa mhionaid e. “An e so Iain?” ars’ ise. “’Se ’n truaill de na bh’ ann deth a th’ ann,” ars’ esan. “’S bochd mur a dh’ éiridh dhuit,” ars’ ise. Dh’ fhalbh i ’s chuir i fios go buth bearradair s ghlanadh e, chuir i fios go bùth tàilleir ’s fhuàradh aodach da, chuir i fios go bùth griasaich ’s fhuaradh brògan da. An la ’r na mhàireach, nur a bha e air a ghlanadh, ’s air a sgeadachadh go dòigheil, chaidh e thun pàileas an rìgh, ’s sheinn e ’n fhìdeag. Nur chual nighean an rìgh an fhìdeag thug i leum aisde, ’s bhris i ’n treas earrann de ’n t-sreang a bha ’ga ceangal. Dh’ iarr eud urra fuireachd socair ’s cheangail eud tuillidh sreang urra. An la ’r na mhàireach thug esan sgàl air an fhideig ’s bhris i da earrann de na bh’ urra. An treas latha, nur a chual i ’n fhìdeag, bhris i tri earrannan. Air a’ cheathramh latha [TD 140] bhris i na bh’ urra go léir. Dh’ éiridh i ’s chaidh i mach ’na chomhdhail, ’s cha robh boireannach riabh a bu stòldacha na i. Chuireadh brath suas thun rìgh na Spàin nach robh nighean riabh na bu stòldacha na bha i, ’s gon d’ thàinig aobhar a fir ’sa leannain a ’h ionnsuidh. Chuireadh coach a dh’ iarraidh Iain. Bha ’n rìgh ’s a mhòr uaislean comhla ris. Thugadh suas air bhàrr bas e. Thogadh ceòl ’s leagadh bròn. Chuireadh biadh an àit’ a chaithidh, deoch an àit’ a h-òl, ’s ceòl an àit’ éisdeachd. Rinneadh banais, shunndach, eibhinn, aighearach. Fhuair Iain an darna leith de ’n rioghachd. An déigh bàis an righ bha ’n rioghachd uile go léir aige. Rugadh air an t-Seanailear, riasladh eadar eachaibh e, loisgeadh eadar thinean e, ’s ligeadh an luath leis a’ ghaoith. An déigh bàis an righ ’s na banrigh bha Iain ’na rìgh air an Spàin. Rugadh triuir mac da. Oidhche bha ’n sin chual e bualadh ’san dorus. “Tha ’n t-iarrtaich air tighinn,” urs’ esan. Dé bh’ ann ach a cheart duin’ a thug as an eilean e. “A bheil thu airson do ghealladh a chumail?” ars’ am fear a thàinig. “Tha,” ars’ Iain. “Biodh do rioghachd ’s do chlann agad fhìn ’s mo bheannachdsa. A bheil cuimhn’ agad nur a phàigh thu na h-ochd mairg airson cuirp an duin’ anns an Tuirc? B’e sin mo chorp-sa. Slàn leat’ cha ’n fhaic thu mise tuillidh.” [Beurla] [TD 141-142] XXXIII. THE TALE OF THE QUEEN WHO SOUGHT A DRINK FROM A CERTAIN WELL. From Mrs. MacTavish, Port Ellen, Islay. [Beurla] [TD 143] [Beurla] SGEULACHD BAN-RIGH A DH’ IARR DEOCH A TOBAR ARAID. BHA banrigh ann roimhe so a bha tinn, agus bha triùir nighean aice. Thubhairt i ris an té ’bu shine, “Falbh do ’n tobar fhìor-uisg’, agus thabhair do m’ ionnsuidh deoch gu m’ leigheas.” Dh’ fhalbh an nighean agus ràinig i ’n tobar. Thàinig losgann a nìos a dh’ fharraid di am pòsadh i e na ’m faigheadh i deoch d’a màthair. “Cha phòs mis’ thu ’chreutair ghrànnda! air aon chor.” “Mata,” ars’ esan, “cha ’n fhaigh thu ’n t-uisge.” Dh’ fhalbh i dhachaidh, agus chuir a màthair air falbh a piuthar a b’ fhaisge dhi a dh’ iarraidh deoch do ’n uisge. Ràinig i ’n tobar, agus thàinig an losgann a nìos, agus dh’ fharraid e dhi am pòsadh i e, na ’m faigheadh i ’n t-uisge. “Cha phòs mis’ thu ’chreutair ghrànnd,” ars’ ise. “Cha ’n fhaigh thu ’n t-uisge mata,” urs’ esan. Thill i dhachaidh, agus chaidh a piuthar a b’ òige ’dh’ iarraidh an uisge. An uair a ràinig i ’n tobar thàinig an lossgann à nìos mar a b’ àbhaist, agus dh’ fharraid e dhi am pòsadh i e na ’m faigheadh i ’n t-uisge. “Mar am bheil sèol eil’ agam air leigheas fhaotainn do m’ mhàthair pòsaidh mi thu,” ars’ ise, agus fhuair i ’n t-uisge, agus shlànaicheadh a màthair. [TD 144] Bha iad an déigh gabhail mu thàmh ’san oidhche an uair a thàinig an losgann do ’n doras aig ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? A ghaoil! a ghaoil!” An uair a bha e gun tàmh aig ràdh mar so, dh’ éiridh an nighean agus thug i stigh e, agus chuir i cùl an doruis e, agus chaidh i ’laidhe; ach cha robh i fada ’na luidhe an uair a thòisich e rithis air a ràdh, a choidh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? A ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i ’n sin agus chuir i fo noigean e. Chum sin sàmhach e tacan; ach cha robh i fada ’na luidhe an uair a thòisich e rithis air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? A ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i rithis agus rinn i leaba bheag dha taobh an teine; ach cha robh e toilichte. Co luath agus a bha i ’na leaba thòisich e rithis air a ràdh, “A chaoimheag, a chaoimheag nach cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? A ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i ’n sin agus rinn i leaba dha làmh ri ’leaba féin; ach bha e gun tàmh aig ràdh, “A chaoimheag, a chaoimheag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? A ghaoil! a ghaoil!” Ach cha robh i ’tabhairt feairt air a ghearan gus an dubhairt e rithe, “Tha seana chlaidheamh meirgeach cùl do leapa leis an fheàrra dhuit an ceann a thabhairt dhìom, na ’bhith ’gam’ chumail am péin ni ’s faide.” Ghabh i ’n claidheamh agus gheàrr i’n ceann deth. An uair a bhoin an stàilinn da dh’ fhàs e ’na òganach dreachmhor, agus thug e iomadh buidheachas do ’n ògbhean a bha ’na meadhon an druidheachd, foidh an robh e ré uin’ fhad’ a’ fulann, a chur dheth. Fhuair e ’n sin a rìoghachd, oir bu rìgh e, agus phòs e ’bhana phrionnsa, agus bha iad fada beò gu subhach còmhla. [Beurla] [TD 145-146] [Notes] [Beurla] [TD 147] XXXIV. THE ORIGIN OF LOCH NESS. From Mr. Thomas MacDonald, now gamekeeper at Dunrobin. [Beurla] [TD 148-166] XXXV. CONALL. From Alexander MacNeill, tenant and fisherman, Barra. [Beurla] [TD 167] CONALL. BHA sean righ roimhe so ann an Eirinn agus bha triùir mac aig piuthar dha. Be ’m fear a bu shine dhiu Fearghus, am fear a bu mhiadhonaiche Lagh an Làigh, ’s am fear a b’ òige Conall. Smaointich e gon dianadh e oighre do ’n fhear a bu shine Fearghus. Thug e sgoil mhic righ agus ridire dha, agus nur a bha e buidheach sgoil agus ionnsachaidh thug e dhachaidh e do ’n phàileas. Bha eud an so anns a’ phaileas. Urs’ an righ, “Chuir mi seachad a’ bhliadhna so go math. Tha ceann na bliadhna nis a’ tighinn ’s tha trioblaid agus cùram a’ tigh ’n orm leatha.” “Dé ’n trioblaid na ’n cùram a tha tigh ’n ort?” urs’ am fear òg. “Tha tuath na duthcha tigh ’n a chunndas rium an diugh.” “Cha ruig thu leas cùram a bhi ort ’tha e air eubhach a mach gor mis’ an t-oighr’ òg ’s air a chur sìos ann am paipeirean ’s an litrichean anns gach ceàrn de ’n rioghachd. Togaidh mise caisteal bòidheach air bialthaobh a’ phàileas duit. Gheibh mi saoir agus clachairean agus goibhnean gos a’ chaisteal sin a thogail.” “An e sin smaointinn a th’ agad a mhic mo pheathar,” ars’ an Righ, “cha robh ceart na còir agad air an rioghachd fhaotainn mar an tograinn fhìn a toirt duit le m’ thoil fhìn. Cha ’n fhaic thusa laimhseachadh Eirinn agad gos an d’ théid mise an toiseach fo ’n ùir.” “Bidh latha blàir agus batailt ann ma ’n lig mise sin air aghaidh,” urs’ am fear òg. Dh’ fhalbh e agus sheòl e go ruig Alba. Chuireadh brath a suas thun righ Alba gon robh rìgh òg Eirinn air tigh ’n go ruig Alba g’a choimhead. Thugadh suas air bharraibh bas e. Chuireadh biadh an àit’ a chaithidh, deoch an ait a h-òl, agus ceòl an àit’ éisdeachd. Bha eud a’ caitheadh na cuirm agus na cuideachd. “A rìgh òg Eirinn,” ursa righ Alba, “cha n’ ann gon cheann gnothaich a thàinig thusa go ruig Alba.” “Cha bu mhath leam fios mo gnothaich a ligeil a mach gos am biodh fhios’am am faighinn an toiseach e.” “Dad ’s am bith a th’ agamsa gheibh thus’ e, chionn na’m bithinn aig iarraidh cuideachaidh cha lughaide gon rachainn a t’ ionnsuidh-s’ airson fhaotainn.” “Facal a thàinig ann an doilgheas eadar mis’ agus brath ’r mo mhàthar.” “Bha e air eubhach a mach go ’m bu mhi righ Eirinn; ’s thuirt e rium nach biodh gnothach agam ri ni gos an rachadh plochd airsan an toiseach. Tha toil agam mo chòir a sheasamh agus [TD 168] cuideachadh fhaotainn uaitse.” “Bheir mise sin duit,” ars’ an Righ, “tri chiad lùgh ghaisgeach, tri chiad treun-ghaisgeach, agus tri chiad làn-ghaisgeach, ’s cha don’ an cuideachadh sin.” “Tha mise gon cheannard as an cionn, ’s tha mi cho dona ’s a bha mi roimhid; ach tha iarrtas beag eil’ agam, agus na ’m faighinn e bhithinn deònach air a ligeil a mach.” “Rud sam bith a th’ agamsa,” ars’ an Righ, “’s is urra mi dealachadh ris gheibh thu e, ach rud nach ’eil agam cha n’ urra mi ’thoirt duit; ach lig amach do chainnt ’s gheibh thu e.” “’Se sin Boinne Breat do mhac air an ceann.” “Mo ghonadh dhuit, na ’m bithinn gon a ghealltainn duit cha n’ fhaigheadh thu e; ach cha do rugadh an Albainn, na ’n Eirinn, na ’n Sasunn, na ’n aon àite na gheibheadh buaidh air mo mhacsa, ach fantainn aig ceartas; mar an d’ thig mo mhacs’ air ais mar a dh’ fhalbh e cha ’n ’eil facal Eireannaich ri ghabhail tuillidh, chionn ’s ann am foill a thigt’ air.” Dh’ fhalbh eud an la ’r na mhàireach ’s sheòl eud ’ionnsuidh righ Shasuinn. Chaidh brath suas go righ Shasainn gon robh righ òg Eirinn an déigh tigh ’n do ’n àite. Ghabh righ Shasuinn ’na chomhdhail ’s thugadh suas air bharraibh bas e. Thogadh ceòl ’s leagadh bron ann am pàileas righ Shasainn. Chuireadh biadh an àit’ a chaitheadh, deoch an àit’ a h-òl, agas ceòl an àit’ éisdeachd. Bha eud a’ caitheadh na cuirm ’s na cuideachd le aighear ’s le toilinntinn. “A righ òg Eirinn,” ursa righ Shasuinn, “cha n’ ann gon cheann gnothaich a thàinig thu ’n so.” “Fhuair mise sgoil mhic righ agas ridire. Thug brath ’r mo mhàthar dachaidh mi. Thòisich e air bruidhinn mo thuath na duthcha ’s mo mhuinntir na rioghachd, gon robh curam agus trioblaid air, ’s gom b’ fhearr leis nach d’ thàinig ceann na bliadhn’ idir. Ursa mise ris togaidh mise paileas duit, air alt ’s nach bi agad ach t’ aodann a nigheadh ’s do chasan a shìneadh ann a’d’ bhrògan. Urs’ esan, “A mhic mo pheathar cha robh còir agad air an rioghachd, ’s cha ’n fhaigh thu i, gos an d’ theid plochd ormsa, aona chuid a dheoin na dh’ aindeoin.” Ursa mi ris, “Bidh latha blàir agus batailt eadar mis’ agus thusa ma ’m bi chùis mar sin.” Dh’ fhalbh mi, ghabh mi go long, thug mi leam sgioba, agus sheòl mi go ruig Alba. Ràinig mi Alba, ’s fhuair mi tri chiad lùgh-ghaisgeach, tri chiad treun-ghaisgeach, agus tri chiad làn-ghaisgeach. Nis thàinig mi ’t’ ionnsuidhsa fiach de ’n cuideachadh a bheir thu dhomh.” [TD 169] “Bheir mise dhuit urad eile agus gaisgeach air an ceann,” ursa Righ Shassuinn. Dh’ fhalbh eud agus sheòl eud go Eirinn. Chaidh eud air tìr aig Carraig an Eirinn ’s tha Carraig Fhearghuis mar ainm air a’ charraig sin fhathasd. Ràinig e ’n righ. “A bhrath’r mo mhàthar, a’ bheil thu nis deas.” “Mata Fhearghuis gad a thuirt mise siud shaoil mi nach gabhadh tha corruich; ach tha mise gon mo chuid sluaigh a chruinneachadh fhathasd.” “Cha fhreagair sin domhsa, tha Eirinn agadsa fo d’ smachd, tha mise ’n so le m’ dhaoine ’s cha ’n eil àite, na biadh, na deoch agam dhaibh.” “U!” urs’ an righ, “Fhearghuis tha taighean taisg Eirinn fosgailte fodhad, agus falbhaidh mise ’s cruinnichidh mi mo chuid sluaigh. Dh’ fhalbh an righ, chaidh e ma ’n cuairt Eirinn. Thàinig e go àite ris an canadh eud an t-Iubhar. Cha robh ach aon duine ’san Iubhar ris an canadh eud Goibhlean Gobha. Smaointich e gabhail a stigh ’s am pathadh air, ’s gon caisgeadh e phathadh ’s gon ligeadh e treis analach. Ghabh e stigh. Cha robh stigh ach nighean a’ ghobha. Thug i a ’ionnsuidh cathair air an suidheadh e. Dh’ iarr e deoch. Cha robh fios aig nighean a’ ghobha dé dhianadh i. Cha robh aig a’ ghobh ach an aon mhart ris an abradh eud a’ Ghlas Ghoibhlean. Leis a’ chòrn a bh’ aige ri bainne na bà, ’s tri uairean ’s an latha a rachte fo ’n mhart. Tri uairean ’san latha bhiodh pathadh airsan, ’s dh’ òladh e ’n còrn air a h-uile siubhal. Mar am biodh an còrn làn aig a nighinn cha robh ri dol as a chionn aice. Bha eagal urra, nur a dh’ iarr an righ deoch, mur am biodh an còrn làn aice gom biodh an ceann air a thoirt dith. ’Se smaointich i gom bu chòir an còrn a chur air bialthaobh an righ codhiu. Thug i nuas an corn ’s chuir i air a bhialthaobh e. Dh’ òl e deoch, ’s thug e ’n ceathramh cuid as, ’s dh’ fhàg e tri earrannan ann. “B’ fhearr leam sibh a ’thoirt as go léir na fhàgail. Thug m’ athair mionnan mar am bi ’n corn làn nach eil agam ri dol go chionn.” “Mata,” ars’ an righ, “’s geas de m’ gheasans’ an còrn fhàgail cho làn ’sa bha e roimhid.” Chuir e ’n corn air a’ bhord, bhuail e bhas air, ’s chuir e dheth na bha as cionn a’ bhainne, ’s bha ’n corn làn. Man d’ fhalbh an righ fhuair e ’n nighean da fhìn. “Tha thu falbh a righ Eirinn ’s mise an deigh mo mhaslachaidh; dè tha thu fàgail agam?” “Bheireamsa sin duit mìl’ as gach dath, mìl’ as gach seòrsa, mìl’ as gach creutair.” “Dé ni mise deth sin, ’s nach fhaigh mi ’shalann an Eirinn na shailleas sin?” “Bheiream dhuit glinn a’s [TD 170] monaidh a bheothaicheas eud o bhliadhna go bliadhna.” “Dé ni mise dheth sin? ma mharbhas Fearghus sibhse ’màireach bheir e uam e, o ’n nach robh e agam le sgriobhadh agus boinne fala ’ga cheanghal.” “Tha orms’ a nochd cabhag, ach theirig am màireach do ’n champ go Cnoc maol nam Muc,” ars’ an righ, agus dh’ fhàg e beannachd aice. Thàinig a h-athair. “Bhuais e, bhuais e nighean, cha ’n ’eil dùil’ am fhìn nach robh arbhalach ga d’ choimhead an so an diugh.” “Cémur a tha thu ’g aithneachadh sin?” “Bha rasg maull maighdinn agad nur a chaidh mi mach; tha rasg brisg mnà agad an dràsd.” “Co b’ fhearr leat a bhi ann?” “Cha ’n fhaca mi duine riabh a b’ fhearr leam a bhi ann na righ Eirinn.” “Mata ’s e bh’ ann. Dh’ fhàg e agam mìl as gach dath, mìl’ as gach seòrsa, mìl’ as gach creutair. De, ursa mise, ni mise dhiu, ’s nach fhaigh mi de shalann an Eirinn na shailleas eud? Urs’ esan, “Bheiream duit glinn agus monaidhean a bheathaicheas eud o bhliadhna go bliadhna.” Dé ni mi ma mharbhas Fearghus sibhse, cha ’n fhaigh mi sin? Thuirt e rium gom faighinn sgrìobhadh ’s boinne da fhuil fhìn ’ga cheanghal.” Chaidil eud an oidhche sin mar a bha eud. Ma bu mhoch a thainig an latha bu mhoiche na sìn a dh’ éiridh an gobha. “Thalla ’nighean, bitheamaid a’ falbh.” Dh’ fhalbh i fhìn ’s an gobha ’s ràinig eud an righ anns a’ champ. “Nach robh thu anns an Iubhar an dé?” urs’ an gobha ris an righ. “Bha.” “Bheil cuimhn’ agad air do bhriathran ris an nighinn so.” Tha, ach cha bhi ’m blar ann gos am màireach, bheir mi dhuit mar a thuirt mi ris an nighinn ach go fag thu ise,” Fhuair an gobha siud agus dh’ fhalbh e. An oidhche sin, nur a bha ise treis na cadal, dhùisg i, ’s i ’n déigh aislig fhaicinn. “A’ bheil thu ’d’ dhùsgadh?” “Tha, dé do ghnothach domh?” “Chunnaic mi aislig an siud, gathar giubhais a’ fàs a cridh’ an righ, fear a m’ chridhe fhìn, ’s eud a’ snaomadh ’na chéile. “Sin leanabh mic an déigh a ghineach eadar thus’ a’s mis’ a nochd.” Chaidil eud an uair sin, ’s cha b’ fhada chaidil eud gos am fac i ’n ath aislig. “A bheil thu ’d’ dhùsgadh a righ Eirinn?” “Tha, dé do ghnothach domh?” “Chunnaic mi aislig eile, Fearghus a’ tigh ’n a nuas ’sa toirt a’ chinn ’s an amhuich agam fhìn asam.” “Sin Fearghus gam mharbhadhsa ’sa toirt a’ chinn ’s an amhùich asam.” Chaidil i ris agus chunnaic i aislig eile. “A bheil thu ’d’ chadal a righ Eirinn?” “Cha ’n ’eil, dé do ghnothach domh an drasd?” [TD 171] “Chunnaic mi Eirinn, o thaobh go taobh agus o cheann go ceann, air a chomhdach le sguaban eòrn’ agus coirce; thàinig oiteag shoirbheis o ’n ear, o ’n iar, a ’n tuath; sguabadh air falbh a h-uile craobh, ’s cha ’n fhacas gin riabh tuillidh dhiu.” “Marbhaidh Fearghus mise ’s bheir e ’n ceann ’s an amhach asam; co luath ’s a rinn thusa riabh beir air mo chuid arm, agus gléidh eud. Tha leanabh mic air a ghineach eadar mis’ a’s thusa. Bheir thu cìoch a’s altram da, ’s cuiridh thu ’n òrdugh e. Gléidh na h-airm. Nur a chi thu gom bi cainnt as comhnadal aige cuiridh tu air falbh e, feadh an t-saoghail, air seachran, gos am faigh e mach co e fhìn. Gheibh esan ’na righ air Eirinn, bidh a mhac ’na righ air Eirinn, bidh otha ’na righ air Eirinn, bidh a shliochd na ’n righrean air Eirinn, gos an ruig an naoidheamh glùn. Bidh leanabh air a bhreith do ’n fhear sin, thig tuathanach a stigh le iasg, bruichidh e ’n t-iasg, ’s théid cnàimh ’na amhuich, ’s tachdar e.” Bha dithisd mac eil’ aig Maobh (Piuthar an righ, màthair Fhearghuis) ’s bha ’m blàr ri bhi ann a màireach, Lagh an làidh agus Conall, agus ’se Lagh an làidh a bu shine. “Co dhiu,” ursa Lagh an làidh, “a bhios sinn le brath’r ar màthar na le Fearghus?” “Cha ’n ’eil fhios ’am; ma bhuidhneas Bràthair ar màthar agus gom bi sinn le Fearghus, ’s clach ’nar bròig go bràth’ch e; ach ma bhuidhneas Fearghus cuiridh e cùl ruinn, o ’n a bha sinn air ann taobh eile.” “Mata cha ’n ann mar sin a bhitheas, ach bi thusa le Fearghus, ’s bidh mise le bràthair ar màthar.” “Cha ’n ann mur sin a bhitheas, ligidh sinn g’ ar màthair e.” “Na ’m bithinnsa ’m fhirionnach,” ursa Maobh, “bhithinn a’ cur a bhlàir le m bhràthair fhin.” “Mata bidh mis’ aig Fearghus,” ursa Lagh an làidh, “’s bi thus’ aig Fearghus a Chonaill.” Dh’ fhalbh Fearghus ’ionnsuidh Fhinn, ’s bheannaich e dha ann am briathran ciuine, mìne. Bheannaich Fionn da ann am briathran a b’ fheàrr ; mur am b’ eud a b’ fheàrr cha b’ eud a bu mhiosa. “Chuala mi gon robh latha blàir agus batailt eadar thu fhìn agus bràthair do mhàthar,” ars’ esan. “Tha sinn ri bhi ann ’s thainig mi ’ur ionnsuidhsa airson cuideachaidh.” “Cha ’n ’eil e ach dàna domhsa dol an aghaidh bhràthair do mhàthar,’s gur ann air fhearann a fhuair mi mo chumail; ma bhuidhneas bràthair do mhàthar cha ’n fhaigh sinn sgrìob na plochd de dh’ fhearann Eirinn a neas ’s is beò sinn. ’S e so a ni mi, cha bhuail mi buille leat, ’s cha bhuail mi buille ’t’ aghaidh.” [TD 172] Chaidh Fearghus dachaidh an la ’r na mhàireach. Chuir eud an òrdugh airson a’ bhlàir. Bha cuideachd an righ air an darna taobh ’s cuideachd Fhearghuis air an taobh eile. Cha robh ’ghaisgich aig Fearghus ach Boinne Breat ’sa chuideachd, an gàisgeach mòr Sasunnach ’s a chuideachd, agus Lagh an làidh. Tharruinn Boinne Breat a mach an iomall na cuideachd. Chaidh e na chulaidh chath agus chruaidh-chomhrag. Chuir e ’chòtan sròl sìoda air uachdar a chòrr-léine, sgiath bhucaideach air a thaobh clì, gom bu lianar oideadhar ’s an truaill chairtidh. Theann e mach air na ceumannan moiteil mur bhoillsgeadh. Gach ceum a chuireadh e uaidhe, bu lugh’ e na beinn, ’s bu mhoth’ e na meall-chnoc sléibhe. Thionndàidh e riutha go gìogach, gagach; tri dithean gon cuireadh e dhiu; gan cailceadh o ’n sgiathan g’am fuil agus g’am feoil, anns ann iarmailt; nach fhàgadh e fear innsidh sgeoil na chaitheadh tuairisgeil, a chur an talamh toll, na ’n sgeilpidh chreag. Bha aon fhear beag, càm, ruadh ann, air leith shùil ’s air leith ghlùn ’s air leith làimh. “Cha bhi thus’ ann a dh’ innseadh sgeoil ormsa.” Dh’ fhalbh e ’s thug e ’n ceann deth. Dh’ òb Boinne Breat ’s chuir e dheth airm. “Falbh sios Fhearghuis ’s thoir an ceann de bhràthair do mhàthar no bheir mise deth e.” Chaidh Fearghus sìos, rug e air bràthair a mhàthar ’s thug e ’n ceann deth. Thug nighean a’ ghobha thun nan arm ’s thug i leath’ eud. Chum Lagh an làidh air a chuid armaibh, nur a chunnaic e Fearghus a’ dol a thoirt a’ chinn de bhràthair a mhàthar. Ghabh e feirg. Chaidh Lagh an làidh ma ’n cuairt a chnuic fiach am faiceadh e Boinne Breat ’s e gon armaibh. Smaointich Boinne Breat gor misg chath a ghabh an duin’ ud. Smaointich e gon tilleadh e air an taobh eile de ’n chnoc fiach an d’ thigeadh e go àite fhìn. Thiondaidh Lagh an làidh air an taobh eile ’na aghaidh. Smaointich e tilleadh a rìs fiach an traoigheadh e ’mhire-’chatha. An treas uair thuirt e nach tilleadh e airson na bha ’n Albainn, na ’n Eirinn, na ’n Sasunn. “’S neònach, fhir a bha leam fad an lath’, thu bhi ’m’ aghaidh.” Cha chreid mi nach misg chath a ghabh thu thugad!” “Direach as an aodann a tha mi.” “Mata,” urs’ esan, “gad a tha mise gon armaibh, agus thusa fo armaibh, cuimhnich nach moth’ orm thu agus na chumas mi eadar an da mhiar sin.” “Cha ’n ’eil mi ri bhi ’m brath foille dhuit; sin air do chùl an triuir ghaisgeach is fhearr an Albainn, na ’n Eirinn, na ’n Sasunn.” Thug e tionndadh air a dh’ fhaicinn nan triuir ghaisgeach, agus nur a thionndaidh e [TD 173] thug Lagh an làidh an ceann deth. “Mo ghonadh,’ ursa Fearghus, “b’ fhearr leam mo cheann fhìn a bhi ann. Cha ’n ’eil Eireannach ri ghabhail air fhacal a neas is beò duine tuillidh. ’S clach a’d’ bhròig e h-uile latha go bràthach, agus greim de dh’ fhearann Eirinn cha ’n fhaigh thu.” Dh’ fhalbh Lagh an làidh agus chaidh e ’n bheinn. Rinn e caisteal dà fhìn ann agus dh’ fhan e ann. Bha nighean a’ ghobha tigh’n air a h-aghaidh go math gos an d’ rug i leanabh mic. Thug i Conall mac righ Eirinn mar ainm air. Bheathaich i go math ’s go ro mhath e. Nur thàinig càinnt a’s coiseachd go math dha thug i leath’ e, latha bog, ceòthar, do ’n bheinn feadh monaidh agus coille. Dh’ fhàg i ’n siud e air seachran, go bhi dianadh an rathaid dha fhìn, agus chaidh ise dachaidh. Cha robh fios aig air an t-saoghal de dhianadh e, gon fhios aige c’a ’n rachadh e, ach fhuair e miar de rathad mòr, ’s lean e ’n rathad. Dé chunnaic e ach bothan beag, feasgar de latha, taobh an rathaid mhòir. Ghabh e stigh do ’n bhothan. Cha robh duine stigh ann. Lig e e fhìn ri taobh an teine, sìos, gon bhiadh gon deoch. Bha e ’n sin gos an d’ thàinig boireannach dachaidh an deireadh na h-oidhche agus sia caoraich aice. Chunnaic i stiall mhòr duine taobh an teine cosail ri bhi ’na amadan. Ghabh i iongantas mòr nur a chunnaic i e, ’s thuirt i ris, gom b’ fhearra dha falbh e siud agus dol sios go tigh an righ, ’s gom faigheadh e rud a miosg nan gillean anns a’ chidsinn. Thuirt e nach rachadh, ach na ’n tugadh i dha rud a dh’ itheadh e, gom biodh e falbh a bhuachailleachd nan caorach air a son fhìn. Dé’n t-ainm a bh’ air a bhoireannach ach Caomhag. “N’ an saoilinn sin gheibheadh thu biadh a’s deoch,” ars’ ise. An la ’r na mhaireach dh’ fhalbh e leis na caoraich. “Cha ’n ’eil greim feoir agamsa dhaibh,” urs’ ise, “ach rathad mòr, ’s cumaidh tu eud air iomall an rathaid mhòir, ’s cha lig thu dheth eud.” An am na h-oidhche thàinig e dachaidh leo. An la ’r na mhàireach dh’ fhalbh e leis na caoraich. Bha, dlùth air an àite ’n robh e leo, tri pàircean cruinneachd a bheanadh do thri daoin’ uaisle. Bha na caoraich ga shàrachadh; dh’ fhalbh e ’s leag e ’n gàrradh, ’s lig e stìgh eud o thé go té, gos an d’ ith eud na tri pàircean. Latha de na làithean chruinnich na tri daoin’ uaisle. Nur a thàinig eud bha esan an déigh na pàircean a ligeil itheadh leis na caoraich. “Ciod thuige dh’ ith thu na pàircean.” “Cha mhis’ a dh’ ith eud idir ’s ann a dh’ ith na caoraich eud.” “Cha bhi sinn a’ bruidhinn ris idir, cha ’n ’eil ann ach amadan, ruige [TD 174] sinn Caomhag fiach an leathaise na caoraich.” Rainig eud Caomhag. Thug eud leo ’ionnsuidh na cùirt i. B’i so a’ chiad chuirt do Fhearghus a dhiànadh an déigh dha ’n crùn fhaotainn. Bha fàgail aig na righrean ’san am ud. Nur nach b’ aithne dhaibh an ceartas a sgoltadh dòigheil, thòiseachadh cathair a bhreathanais air breabadaich, ’s rachadh car an amhuich an righ nur nach dianadh e ceartas mur bu chòir dha. “Cha ’n urra mise dad a dhianadh,” urs’ an righ, “ach an fhiacaill a rinn an sgath i bhi aca.” Thoisich cathair a’ bhreathanais ri breabadaich, ’s chaidh car an amhuich an righ. “Thigeadh fear agaibh an so agus fuasglaibh orm, fiach an dian sibh an ceartas na ’s fhear na siud.” Gad a bhiodh mìltean a stigh cha rachadh gin an àit’ an righ; cha rachadh eud a thoirt do dhroch mhios air an righ gon rachadh gin diu air a bhialthaobh. “A bheil duin’ a dh’ fhuasglas orm?” “Cha n ’eil mar am fusgail buachaille Chaomhaig fhìn ort.” Chuireadh sìos buachaille Chaomhaig. “Fuasgail orm a laochain, ’s dian an ceartas mur is còir, ’s lig a so mi.” “Ceartas na còir cha dian mise gos am faigh mi ’n toiseach rud a dh’ itheas mi.” Fhuair e ’n sin rud a dh’ ith e. “De ’n ceartas a rinn thu fhìn?” ars’ esan. “Cha d’ rinn mis’ ach an fhiacaill a rinn an sgath a bhi aca.” “Ciod thuige nach d’ thug thu ’m bàs do Chaomhaig? So mur a dhianainnsa. Tha sia caoraich aig Caomhaig, ’s gad a bheirte uaithe na sia caoraich cha phaigheadh eud na daoin’ uaisle. Bidh sia uain aig Caomhaig, ’s gheibh na daoin’ uaisle na sia uain’ ’s bidh na caoraich aice fhìn a’ cumail.” Dh’ fhalbh an car a amhuich an righ. Dh’ fhalbh esan, ’s cha d’ fhoighneachd eud co e, ’s cha d’ fhuair e sgath. Bha duin’ uasal eil’ ann, ’s bha each aige, ’s chuir e thun ceardach e gos a bhi air a chrùidheadh. Bha mac òg aig a’ ghobha, ’s banaltrum fo ’n leanabh. Dé bh’ ann ach latha briagh, ’s is ann a mach a bha ’n t-each ’ga chrùidheadh, ’s cha ’n fhac is’ each ga chrùidheadh riabh, ’s chaidh i mach a dh’ fhaicinn crùidheadh an eich. Shuidh i ma choinnimh an eich, ’s thug esan an tairg ’sa chruidh, ’s cha d’ amais e ’n crodhan leis an tairg ach chuir e ’san fheoil i, agus bhuail an t-each an leanabh, ’s chuir e copan a’ chinn deth. Cha robh ac’ ach dol go ceartas a rithisd thun an righ. ’Se ’n ceartas a rinn an righ dhaibh a’ chas a thoirt bhar an eich. Thòisich cathair a bhreathanais air breabadaich, ’s chaidh car an amhuich an righ. Bha buachaille Chaomhaig a làthair. Dh’ iarr [TD 175] eud air fuasgladh air an righ. Thuirt e nach dianadh e sgath gos am faigheadh e rud ri itheadh an toiseach. Fhuair e siud. Chaidh e far an robh ’n righ. “Dé ’n lagh a rinn thu?” “A chas a thoirt bhàr an eich.” “Cha phàigh sin an gobha.” “Cuiribh thugams’ an groom a dh’ ionnsaich an t-each, agus an duin’ uasal da ’m bean e.” Chuireadh a naull an so an gobha agus a’ bhanaltrum. Thàinig an duin’ uasal ’s an groom. “Seadh, a dhuin’ uasail, an d’ thug thus’ air a’ ghroom an t-each so ionnsachadh mur a bu chòir dha?” Thuirt an groom gon d’ rinn e siud cho math ’s a b’ aithne dha. “Cha b’ urrainnear tuillidh iarraidh ort.” Seadh a ghobha an d’ thug thus’ ordugh do d’ bhanaltrum fantainn a stigh, gon tigh’n amach as a seombar?” “Cha d’ thug,” urs’ an gobha, “ach mur a thogradh i fhìn.” “A dhuin’ uasail,” ars’ esan, “o ’n is tusa ’s fhearr cumail, cuiridh mise trian ort de dh’ éirig mhic a’ ghobha, agus trian eil’ air a’ ghobha fhìn, o ’n nach do thomhais e ’n tairg ma ’n do chuir e go feum i; agus trian eil’ air a bhanaltrum ’s air a ghroom; o ’n nach d’ fhan is’ a stigh na seombar; ’s gon fhios nach d’ fhàg esan facal air choraigin gon ionnsachadh do ’n each.” Dh’ fhalbh an duin’ uasal agus an gobha; agus stad cathair a’ bhreathanais, ’s cha robh car aice; thàinig an car e amhuich an righ; ’s lig eud esan air falbh mur a b’ àbhaist. Urs’ an righ, “ma shiubhail e ’n domhan agus an saoghal tha boinne dh’ fhuil mhic righ anns a ghill’ ud. Cha b’ urrainn e ’n lagh a sgoltadh cho math an siud mar am biodh e ann; falbhadh na tri gaisgich is fhearr a th’ agam agus thugadh eud a’m’ ionnsuidh a cheann.” Dh’ fhalbh eud as a dhéigh. Thug e sùil uaidhe, ’s dé chunnaic e a’ tighinn ach eud. Thàinig eud far an robh e. “C’a’ bheil sibh a dol?” “Tha sinn a’ dol ad’ mharbhadh fhìn; chuir an righ gad’ ionnsuidh sinn.” “Mata cha ’n ’eil an sin ach rud a thàinig ’na bhial, ’s cha ruig sibh a leas mo mharbhadh.” “Cha ’n ’eil ann ach amadan,” ars’ eudsan. “O ’n a chuir esan sibhse gum’ mharbhadh, nach marbh sibh mi?” “Am marbh thu fhìn thu fhìn a laochain?” ars’ iadsan. “Dé mur a mharbhas mi mi fhìn?” “So dhuit claidheamh agus buail mu ’n amhuich ort e, ’s tilg an ceann dìot fhìn,” ars’ iadsan. Rug e air a’ chlaidheamh; chuir e car deth ’na dhorn. “Siud a laochain air thu fhìn a mharbhadh.” “Falbhaibh,” ars’ esan, “agus tillibh dachaidh, ’s na ceilibh air an righ nach do mharbh sibh mise.” “Mata thoir dhomh an claidheamh,” ursa fear diu. [TD 176] “Cha d’ thoir. Cha ’n ’eil an Eirinn na bheir as mo dhorn e,” ars’ esan. Dh’ fhalbh eud agus thill eud dachaidh. Air dha bhi falbh leis fhin thuirt e, “Cha do rugadh mi gon mhàthair, ’s cha do ghineadh mi gon athair. Cha chuimhne leam tigh’n do dh’ Eirinn riabh, agus tha fios agam gur h-ann an Eirinn a rugadh mi; cha ’n fhàg mi tigh ’s a bheil smùid na tein’ ann an Eirinn gos am bi fhios agam co mi.” Chaidh e dha ’n Iubhar. Dé bh’ ann ach latha briagh blàth. Co chunnaic e ach a mhàthair a nigheadaireachd. Bha e tigh’n go seòrs’ aithne, air alt ’s gon robh e smaointeachadh gur i mhàthair a bh’ ann. Dh’ fhalbh e agus chaidh e air a cùl, ’s chuir e ’làmh sìos ’na broilleach, ’s thug e chìoch dheas a mach. “Dearbh,” urs’ esan, “’s dalta cìche deise dhuit mi.” Thug i ’n togail sin air a ceann. “Do leithid de thàrlaid cha robh agamsa riabh, na mhac, na na dhalta!” “Tha mo làmh chlì ann an cùl do chinn, agus tha claidheamh ann a’m’ laimh dheis, agus cuiridh mi ’n ceann dìot mar an innis thu domh co mi.” “Fois air do laimh a Chonaill mhic righ Eireann.” “Dh’ aithnich mi fhìn sin, gom b’e sin mi, ’s gon robh boinne dh’ fhuil mhic righ annam; ach co mharbh m’ athair?” “Mharbh Fearghus; agus diùbhail cho mòr ri t’ athair mharbhadh a’ cheart latha, b’ e sin Boinne Breat mac righ Alba.” “Co mharbh Boinne Breat?” “Tha bràthair do Fhearghus ris an can eud Lagh an làidh.” “’S c’àit’ a bheil an duine sin a fuireachd?” “Cha ’n fhaigheadh e sgath air fearann Eirinn aon uair ’s gon do mharbh e Boinne Breat. Chaidh e ’n bheinn, ’s rinn e còs ’sa choille miosg h-uile biast a’s creutair mi-ghnàthaichte.” “Co ghléidh airm m’ athar?” “Tha mise.” “Theirig agus faigh eud ’s thoir thugams’ eud.” Thug i a ’ionnsuidh eud, Dh’ fhalbh esan agus chuir e na h-airm air, agus thigeadh eud dha cho math ’s gad a dhèanta dha fhìn eud. “Cha ’n ith mi greim, ’s cha ’n òl mi deoch, ’s cha dian mi stad ach a nochd, gos an ruig mi far a bheil an duine sin, ge b’e àit’ a bheil e.” Chuir e ’n oidhche sin seachad far an robh e. Anns a’ mhadainn an la ’r na mhàireach dh’ falbh e. Ghabh e air aghaidh, gos an robh dughadh air a bhonnaibh, agus tolladh air a bhrògaibh. Bha neoil gheal’ an latha ’falbh ’s neoil dhugha na h-oidhche ’tighinn, ’s gon e faighinn àite stad na tàmh dha. Chunnaic e coille mhòr ann an sin. Dhian e còs ann an té de na craobhan go h-ard anns am fanadh e ’n oidhche sin. Anns a’ mhadainn an la ’r na mhàireach thug e sùil uaidhe. Dé chunnaic [TD 177] e ach an aon uilebheist, nach fhacas riabh a leithid fo ’n ghréin, ’na shìneadh gon aodach, gon chaisbheart, gon cheann aodach; fhionn’ agus fhiasag air dhol thairis air. Smaointich e gad a rachadh e sìos nach dianadh e feum air. Chuir e saighead ann an crois ’s loisg e air. Bhuail e anns a ghairdean deas air i, ’s thug am fear a bha shìos breab as. “Na gluais féithe de t’ fhéithean, na cuisle de t’ chuislean, na bìdeag de t’ fheoil, na ròinean de d’ ghruaig; gos an geall thu gom faic thu mise ’nam righ air Eirinn, no cuiridh mise sìos dheth shleaghan caola, daraich na dh’ fhuaigheas ris an talamh thu.” Cha d’ thug an uilebheist géill dha siud. Dh’ fhalbh e agus loisg e rithisd, agus bhuail e anns a ghairdean thoisgeil e. “Nach d’ thuirt mi riut roimhid gon cuisle de d’ chuislean a ghluasad, na bìdeag de t’ fheoil, na ròinean de d’ ghruaig, gos an gealladh thu gom faiceadh thu mise nam righ air Eirinn.” “Thig a nuas mata, ’s chi mi thu fhìn na mi fhìn ann fo ’n am so ’n ath-oidhch.” Thàinig e ’nuas. “Nam biodh fhios’am gur e do leithid de thàrlach a chuireadh a leithid mar fhiachaibh orm, cha dianainn duit air chor sam bith e; ach o ’n gheall mi duit e ni mi e, ’s bidh sinn a’ falbh.” Ghabh eud ’ionnsuidh pàileas an righ. Dh’ eubh eud cath na còmhrag a chur amach, air neo ceann Fhearghuis, na e fhìn mar phrìosanach. Cath a’s còmhrag a gheibheadh eud, ’s cha b’e cheann; ’s idir cha ’n fhaigheadh eud e fhìn mar phrìosanach. Chuireadh a mach ceithir chiad lùgh-ghaisgeach, ceithir chiad làn-ghaisgeach, agus ceithir chiad treùn-ghaisgeach. Thòisich eud orra. Cha chuireadh an darna fear o laimh an fhir eile mur a mharbhadh eud. Dh’ eubh eud cath as comhrag a rìs, air-neo ceann Fhearghuis a chur amach, na e fhìn mar phrìosanach. “’Se cath as còmhrag a gheibh thu; ’s idir cha ’n fhaigh thu mo cheann, ’s cha mhotha ’gheibh thu mi fhìn mar phrìosanach.” Chuireadh a mach da chiad diag lùgh-ghaisgeach, da chiad diag làn-ghaisgeach, agus da chiad diag treùn-ghaisgeach. Cha chuireadh an darna fear a laimh an fhir eile mur a mharbhadh eud diu sin. Dh’ eubh eud cath as còmhrag, air neo ceann Fhearghuis, na e fhìn mar phrìosanach. Cath as comhrag a gheibheadh eud, ’s cha b’ e ceann Fhearghuis; ’s idir cha ’n fhaigheadh eud e fhìn ’na phrìosanach. Chuireadh a mach ceithir chiad fichead a ’n ionnsuidh. Cha chuireadh an darna fear o ’n fhear eile mur a mharbhadh eud. Dh’ eubh eud cath na comhrag. “Tha ’n fheadhain a tha mach cho olc,” ursa Fearghus, “’s nach gabh eud ach mo cheann, agus mur am faigh eud marbhaidh eud na bheil [TD 178] an Eirinn, ’s mi fhìn as an déigh. Thugadh fear agaibh an ceann bhar aon de na chaidh a mharbhadh, agus nur a thig Lagh an làidh ’s a dh’ iarras e mo cheann na mi fhìn a’m’ phrìosanach, thugaibh dha e, agus saoilidh e g’an e mo cheannsa bhios ann.” Thugadh an ceann do Lagh an làidh. Chaidh e far an robh Conall leis. “Dé th’ agad an sin?” ursa Conall. “Ceann Fhearghuis.” “Cha ’n e sin ceann Fhearghuis fhathasd, ’s mise ’s giorra chunnaic e na thu fhìn; ach till ’s thoir thugamsa ceann Fhearghuis.” Thill Lagh an làidh. “Rachadh fear eile ’na choinneamh an àit’ an righ, ’s abradh e gur e cheann a gheibh e, ’s nach e fhìn mar phrìosanach. Chaidh am fear so an coinneamh Lagh an làigh. Rug e air ’s thug e ’n ceann as an amhuich aige. Ràinig e Conall. “Dé th’ agad an sin?” “Ceann Fhearghuis.” “Cha ’n e sin ceann Fhearghuis fhathasd. Till agus thoir am’ ionnsuidh ceann Fhearghuis.” Thill Lagh an làidh. “Tha ’m fear a tha muigh cho beachdail, ’s am fear eile cho daull, ’s nach ’eil duin’ an Eirinn nach marbh eud mar am faigh eud mi fhìn.” “C’ a’ bheil thu dol a Lagh an làidh?” ursa Fearghus. “Tha mi dol a dh’ iarraidh do chinnsa na thu fhìn mar phrìosanach.” “’Se mo cheann a gheibh thu, ’s cha mhi fhìn mar phrìosanach; ach dé bhàigh a tha thu toirt do d’ bhràthair?” “A bhàigh a thug thu fhin domhsa bheir mise duits’ e.” Thug e ’n ceann as an amhuich aige ’s thug e leis e. Thàinig e far an robh Conall. “Dé th’ agad an sin?” “Ceann Fhearghuis.” “Cha ’n e.” “Go dearbh ’s e.” “Lig fhaicinn e.” Thug e dha e. Tharruinn e e agus bhuail e air, ’s rinn e da cheann de ’n aon. Thòisich eud an so air a chéile. Dhianadh eud bogan air a chreagan agus creagan air a bhogan, ’s an t-àite bu lugha rachadh eud fodha gan glùinean, ’s an t-àite bu mhotha rachadh eud fodha rachadh eud fodha ’gan sùilean. Smaointich Conall go ’m bu dona dha tuiteam ’s e ’n déis dol cho goirid do’n ghnothach. Tharruinn e chlaidheamh agus thilg e ’n ceann de Lagh an làidh. Tha mise nis a’ m’ righ air Eirinn mur bu chòir domh fhìn a bhi. Thug e mhàthair ’s a h’ athair as an Iubhar, ’s thug e go ruig am pàileas eud. ’S bha shliochd ann gos an naoidheamh glùn. Thacadh an t-aon ma dheireadh, ’na leanabh, le bìdeag de chnaimh a chaidh tarsuinn ’na amhuich, ’s thainig treubh eile stigh air Eirinn. ALEXANDER M‘NEILL. [Beurla] [TD 179-180] [Notes] [Beurla] [TD 181-191] XXXVI. MAGHACH COLGAR. From Alexander MacNeill, Barra. [Beurla] [TD 192] [Beurla] MAGHACH COLGAR. BHA Fionn MacCumhail ann an Eirinn, agus righ Lochlann ann an Lochlann. Chuir righ Lochlann Maghach Colgar thun Fhinn a ’ionnsachadh. Chuir righ nan Sealg a ’ionnsuidh a mhac fhìn [TD 193] ris an canadh eud Innsridh Mac righ nan Sealg. Bha iad aig aois sia bliadhna diag. Bha eud an sin ann an Eirinn aig Fionn. Dh’ ionnsuich Fionn do Mhaghach mac righ Lochlann h-uile h-ionnsachadh a bh’ aige. Thainig brath o righ Lochlann gon robh e ’n galar a bhàis airson an saoghal fhàgail, ’s gom feumadh am Maghach dol dachaidh go bhi ’n làthair airson a chrùnadh. Dh’ fhalbh Maghach dachaidh, agus cheileadh an t-seilg air an Fheinn, ’s cha robh fios aca dé dhianadh eud. Sgriobh Maghach litir go Fionn a Lochlainn do dh’ Eirinn. “Chuala mi gon do cheileadh an t-seilg oirbh ann an Eirinn. Tha bruighean air muir agam ’s tha bruighean air tìr agam, tha lòn la a’s bliadhn’ agam anns a h-uile brugh dhiu sin, am biadh nach smaointich thu ’s an deoch nach smaointich thu. Thig thusa ’n so thu fhìn agus do chuid Fhiantachan. Tha lòn la agus bliadhn’ air do chionn.” Fhuair Fionn an litir ’s dh’ fhosgail e i, “’S mairg nach dianadh rud math an tùs òige, gheibheadh e rud math an tùs a shine deth rithisd. Tha litir an so air tigh’n o ’m dhalt’ a Lochlainn go ’bheil bruighean air muir agus bruighean air tìr aige, lòn la a’s bliadhna ’s a h-uile té dhiu, an deoch a smaointicheas sinn ’s an deoch nach smaointich sinn, am biadh a smaointicheas sinn ’s am biadh nach smaointich sinn, agus ’s ann is fhearra dhuinn a bhi falbh.” “Co dh’ fhàgas sibh,” ursa Fiachaire MacFhinn a mhac, “a ghleidheadh mùirn agus màcan na h-Eireann.” “Fanaidh mis’,” ursa Fiachaire MacFhinn. “Fanaidh mis’,” ursa Diarmaid O Duibhne mac a pheathar. “Fanaidh mis’,” urs’ Innsridh Mac righ nan Sealg a dhalta. “Fanaidh mis’,” ursa Cath Conan Mac mhic Con. “Fanaidh sinn a nis,” urs’ àdsan an ceithrear so. “Tha thu falbh, m’ athair,” ursa Fiachaire, “agus tha e cho math dhuit fantail.” “Dé nis mur a dh’ éireas duit ann an Lochlainn?” “Buailidh mis’ an t-ord Fiannt’ ann an Lochlainn, ’s aithneachar air a bhuill’ a bhuaileas mi ann an Lochlainn na ’n Eirinn demur a bhitheas sinn.” Dh’ fhalbh Fionn ’s a chuideachd. Ràinig eud Lochlainn. Chaidh Maghach Colgar mac righ Lochlainn ’nan coinneamh agus ’nan comhdhail. “Failt’ ort m’ oide,” ursa Maghach. ‘Failt’ ort fhin a dhalta,” ursa Fionn. “Siud an gnothach a bh’ agam riut, chuala mi gon do cheileadh an t-seilg an Eirinn, ’s cha bu mhath leam ’ur ligeadh bàs gon bhiadh. Tha bruighean air muir agam, ’s tha bruighean air tìr agam agus lòn la a’s bliadhn’ [TD 194] anns’ a h-uile gin diu; agus co-dhiu feadhain is roighniche leat?” “’S ann air tìr a chleachd mi bhi riabh, ’s cha ’n ann air muir, ’s gabhaidh mi feadhain air tìr,” ursa Fionn. Ghabh eud a stigh ann a h-aon diu. Bha dorus ma choinneamh h-uile latha sa’ bliadhn’ air an tigh; h-uile seorsa bìdh a’s dibhe stigh ann. Shuidh eud air cathraichean. Rug eud, a h-uile fear, air forc agus air sgithin. Thug eud sùil uatha, ’s dé chunnaic eud air an àraich, ach gon toll fosgailte, ach snidhe reòta. Thug eud an togail sinn orra go éiridh. Lean na cathraichean ris an talamh, lean eud fhìn ris na cathraichean, lean na làmhan ris na sgeanan, ’s cha robh comas air éiridh as an siud. ’Se latha ma seach a bhiodh Fiachaire MacFhinn agus Innsridh Mac Righ nan Sealg a’ falbh a ghleidheadh na seilg, agus bha Diarmaid O Duibhne agus Conan a’ falbh an lath eile. Air tilleadh dhaibh air an ais, dé chual eud ach buill’ an uird aig Fionn ’ga bhualadh ann an Lochlainn. “Ma shiubhail e ’n domhan agus an saoghal tha m’ oid’ ann an geall a chuirp agus anama.” Dh’ fhalbh Fiachaire MacFhinn agus Innsridh Mac Righ nan Sealg a Eirinn agus ràinig eud Lochlainn. “Co siud a mach air a bhruighin?” “Tha mis’,” ursa Fiachaire MacFhinn, “agus Innsridh Mac Righ nan Sealg.” “Co tha ’n siud air an àth chomhrag?” “Siud da chiad fhichead de na Greugachaibh air tigh’n a mach, agus Iall mòr air an ceann, a tigh’n a dh’ iarraidh mo chinnsa gos a bhi ac’ air an diat mhòr a màireach.” Dh’ fhalbh Fiachaire MacFhinn agus Innsridh Mac Righ nan Sealg agus ràinig eud an t-àth chomhrag. “C’ a’ bheil sibh a dol?” ursa Fiachaire MacFhinn. “Tha sinn a’ dol a dh’ iarraidh ceann Mhic Cumhail gos a bhi againn air ar diat mhòr a màireach.” “’S minig a rachadh go ’iarraidh ’s gor moch air mhadainn air mo mhinid fhìn e.” “Teann,” urs’ Iall, “agus lig rathad dha ’n t-sluagh.” “Tha fuireachd beag air an sin,” ursa Fiachaire. Theann Fiachaire Mac-Fhinn a mach anns an darna ceann diu, thòisich Innsridh Mac Righ nan Sealg anns a’ cheann eile, gos an do bhuail an da chlaidheamh ri chéile. Thill eud agus ràinig eud am brugh. “Co aig’ a bha ’n càth grannd a bh’ air an àth chomhrag an diugh?” ursa Fionn. “Agams’,” ursa Fiachaire, “’s aig Innsridh Mac Righ nan Sealg.” “Dèmur a bha mo dhalta dheth sinn?” “Fear air an fhear,” ursa Fiachaire, “’s mar an robh fear a bharrachd aige, cha robh gin ’na uireasbhuidh.” “Thar an àr do ’m dhalt’,” ursa Fionn, “’s gon a chnàimh ach maoth fhathasd; ach cuimhnich an t-àth [TD 195] chomhrag. Siud tri chiad fichead de na Greugachaibh a’ tigh ’n a mach a dh’ iarraidh mo chinnsa go bhi ac’ air an diat mhòr a màireach.” Dh’ fhalbh Fiachaire MacFhinn agus Innsridh Mac Righ nan Sealg agus ràinig eud an t-àth chomhrag. “C’ ait’ a bheil sibh a dol?” ursa Fiachaire MacFhinn. “Dol a dh’ iarraidh ceann Mhic Cumhail gos a bhi againn air ar diat mhòr a màireach.” “’S minig a rachadh a dh’ iarraidh ceann an duine sinn fhìn ’s gor moch air mhadainn air mo mhinid fhin e.” “Teann agus lig rathad do ’n t-sluagh.” “Tha fuireachd beag air an sin fhathasd.” Thòisich Fiachair’ anns an darna ceann de ’n chuideachd, ’s Innsridh Mac Righ nan Sealg anns a cheann eile, gos an do bhuail an da chlaidheamh air a cheile. Thill eud ’ionnsuidh na bruighne a rìs. “Co siud?” ursa Fionn. “Tha mise Fiachaire do mhac, agus Innsridh Mac nan Sealg do dhalta.” “Co aig a bha ’n cath grannd’ a bh’ air an àth ’n diugh?” “Bha agamsa ’s aig tri chiad fichead de na Greugachaibh.” “Cuimhnich an t-àth chomhrag; siud ceithir chiad fichead de na Greugachaibh ’s gaisgeach mòr air an ceann, a’ tigh’n a dh’ iarraidh mo chinnsa go bhi ac’ air an diat mhòr a màireach.” Dh’ fhalbh eud ’s ràinig eud an t-àth chomhrag. “C’ àit’ a’ bheil sibh a dol?” ursa Fiachaire Mac-Fhinn ris na Greugachaibh. “Dol a dh’ iarraidh ceann Mhic Cumhail gos a bhi againn air ar diat mhòr a màireach.” “’S minig a rachadh a dh’ iarraidh ceann an duine sin, ’s gor moch air madainn air mo mhionaid fhìn e.” “Teann as an rathad agus leig rathad dha ’n t-sluagh.” “Tha fuireach beag air an sin fhathasd.” Thòisich e fhéin agus Innsridh Mac Righ nan Sealg orra, gos an do mharbh eud a h-uile duine dhiùbh, ’s an do bhuail an da chlaidheamh air a cheile. Thill eud dachaidh ’s ràinig eud am brugh. “Co siud a muigh?” ursa Fionn. “Tha mise, Fiachaire do mhac, agus Innsridh Mac Righ nan Sealg do dhalta.” “Co aig a bha ’n cath grannd’ a bh’ air an àth an diugh?” “Bha agamsa ’s aig na h’ uiread dheth na Greugachaibh.” “Demur a bha mo dhalta dheth an sin?” “Fear air an fhear, ’s mur robh fear a bharrachd, cha robh gin ’na uireasbhuidh.” “Cuimhnich an t-àth chomhrag. Siud a dha uiread ’s a thainig a mach an dé tighinn a mach an diugh, gaisgeach gon chiall air an ceann, a’ tighinn a dh’ iarraidh mo chinnsa go bhi ac’ air an dìot mhòr a màireach.” Ràinig eud an t-àth chomhrag, ’s nur a ràinig eud cha d’ thàinig duine de ’n t-sluagh. “Cha chreid mi,” ursa Fiachaire [TD 196] MacFhinn, “a it’ as a bheil a leithid siud de bhuidheann a’ tighinn, nach bi fuighleach bìdh ann. Tha ’n t-acras orm fhìn, ’s nach d’ ith sinn mìr o’n a dh’ith sinn ann an Eirinn e, agus thalla thus’ Innsridh, ’s ruig an t-àit an robh eud, ’s cha ’n aithnich eud duine seach duin’ eile, agus fiach am faigh thu criomagan de dh’ aran, agus de chàis’, agus de dh’ fheòil a bheir thu g’ar n’ ionnsuidh, ’s fanaidh mi fhìn a’ gleidheadh an t-sluaigh, gon fhios nach d’ thigeadh eud gon fhios domh.” “Mata cha ’n ’eil mis’ eòlach, cha ’n aithne dhomh an rathad,” urs’ Innsridh Mac Righ nan Sealg, “ach falbh fhéin, agus fanaidh mise.” Dh’ fhalbh Fiachaire, agus dh’ fhan Innsridh, agus dé rinn àdsan, ach tighinn gon fhios da. “C’a’ bheil sibh a dol?” urs’ Innsridh. “Dol a dh’ iarraidh ceann Mhic Cumhail gos a bhi againn air ar dìot mhòr a màireach.” “’S minig a dh’ iarradh ceann an duine sin, ’s gur moch air mhadainn air mo mhionaid fhìn e.” “Teann agus lig rathad do ’n t-sluagh.” “Tha fuireach beag air an sin fhathasd.” Thòisich Innsridh orra ’s cha d’ fhàg e gin diubh na ònrachd. Dé ’m maith a rinn e duit an sluagh a mharbhadh ’s go marbh mis’ thus?” urs’ an gaisgeach mòr a bh’ air an ceann. “Na ’n d’ thiginnsa mach o m’ bhiadh, agus o m’ bhlàthas, o m’ bhlàthas, agus o m’ theine, cha mharbhadh thusa mi.” Thòisich e fhéin ’s an gaisgeach air a chéile. Dhianadh eud bogan de ’n chreagan, agus creagan de ’n bhogan. An t-àite bu lugha ’rachadh eud fodha rachadh eud fodha go ’n glùinean, ’s an t-àite bu mho ’rachadh eud fodha, rachadh eud fodha go ’n sùilean. Thug an gaisgeach mór tarruinn air a’ chlaidheamh, ’s thilg e ’n ceann bhar Innsridh Mac Righ nan Sealg. Thàinig Fiachaire. Choinnich e ’n gaisgeach, ’s ceann Innsridh aige. Ursa Fiachaire ris a’ ghaisgeach mhòr, “Dé ’n rud a th’ agad an sin?” “Tha agam an so ceann Mhic Cumhail.” “Fiach dhomh e.” Shìn e dha ’n ceann. Thug Fiachaire pòg dà bhial ’s pòg do chùl a chinn. “Am bheil fhios agad co dha thug thu e?” ursa Fiachaire, ris a’ ghaisgeach. “Cha n’ eil,” urs’ esan. “Is maith a thigeadh e air a cholainn air an robh e roimhe.” Dh’ fholbh e, agus tharruing e ’n ceann is buailear air ceann a ghaisgich e, neas a bha e bruidhinn, is dianar aon cheann de ’n dhà. Dh’ fhalbh e, is ràinig e far an robh Fionn a rìs. “Co siud a muigh?” ursa Fionn. “Tha mise, Fiachaire do mhac.” “Co aig a bha an cath grannd a bh’ air an àth chomhràg an diugh?” “Bha aig Innsridh do dhalta, is aig na Greugachaibh.” [TD 197] “Demur a tha mo dhalta deth sin?” Tha e marbh gon anam. Mharbh do dhalta na Greugaich an toiseach, is mharbh an Greugach mòr esan a rithisd, is mharbh mis’ an sin an Greugach mòr.” “Cuimhnich an t-àth chomhrag. Siud Maghach Mac Righ Lochlann, is a h-uile gin a bha ’s a bhrugh Ghreugach leis.” Dh’ fhalbh e is ràinig e ’n t-àth chomhrag. “Tha thu ’an sin Fhiachaire,” ursa Maghach Colgar. “Tha.” “Leig thugam ceann d’ athar, is bheir mi dhuit drochaid shaor ann an Lochlainn.” “Thug m’ athair duit sgoil as ionnsachadh, ’s a h-uile seorsa draochd a bh’ aige, ’s gad a dh ionnsaich e sinn duitse, bheireadh tu an ceann deth rithisd; agus leis a sin cha ’n fhaigh thusa ceann m’ atharsa, gos am faigh thu mo cheann fhìn an toiseach.” Thòisich Fiachaire air an t-sluagh, is mharbh e h-uile duine de ’n t-sluagh. “Mharbh thus’ an sluagh,” ursa Maghach, “’s marbhaidh mis’ thusa.” Thòisich eud air a cheile. Dhianadh eud bogan de ’n chreagan agus creagan de ’n bhogan. An t-àite bu lugha rachadh eud fodha, rachadh eud fodha g’an glùinean, ’s an t-àite bu mho a rachadh eud fodha rachad eud fodha g’an sùilean. Uair de na h-uairean, bhuail sleagh Mhaghaich Fiachaire is thug e ràn as. Dé ’n t-am ’s an d’ thug e ràn as ach mar a bha Diarmaid a tionndadh ceum o’n t-seilg ’an Eirinn. “Ma shiubhail e ’n domhan agus an saoghal,” ursa Diarmaid, “tha sleagh a Mhaghaich air giùlan Fhiachaire.” “Amhradh ort,” ursa Conan, “caith de shleagh, agus amais do namhaid.” “Ma chaitheas mise mo shleagh, cha ’n ’eil fhios’ a’m nach ann a mharbhainn mo dhuine fhin.” “Nam bu bhean bhadanach bhuidhe bhiodh ann ’s maith a dh’ amaiseadh thu i.” “Amhradh ort a nis, na h-athnuadhaich mi na ’s fhaide.” Chrath e ’n t-sleagh, ’s bhuail e e fo ’n chromastaich. “Co ’thigeadh orm a thaobh mo chùil anns an anmoch, nach d’ thigeadh orm a thaobh m’ aghaidh anns a’ mhadainn?” ursa Maghach. “Mise thigeadh ort,” ursa Diarmaid, “moch a’s anmoch ’s air a mhiadhon latha.” “Dé ’m maith a ni sin duitse?” ursa Maghach, “’s gon d’ thoir mis’ an ceann de dh’ Fhiachaire mu ’n d’ thig thu.” “Ma bheir thus’ an ceann deth,” ursa Diarmaid, “bheir mise an ceann diotsa nur a ruigeas mi.” Ràinig Diarmaid Lochlainn. Thug Maghach an ceann bhàrr Fhiachaire. Thug Diarmaid an ceann bhàrr Mhaghaich. Ràinig Diarmaid Fionn, “Co siud a muigh?” ursa Fionn. “Tha ann mise Diarmaid.” “Co aig a bha ’n cath grannd a bh’ [TD 198] air an àth chomhrag an diugh?” “Bha e aig no h-uiread de na Greugachaibh, ’s aig a Mhaghach Mac Rìgh Lochlann, ’s aig Fiachaire do mhac. Mharbh Fiachaire h-uile gin de na Greugachaibh, mharbh Maghach Fiachaire, ’s mharbh mis’ an sin Maghach.” “Gad a mharbh Maghach Fiachaire carson a mharbh thusa Maghach, nach do leig thu leis beo? Ach cuimhnich an t-àth chomhrag, ’s a h-uile h-aon am bruighean nan Greugach a tighinn a mach comhla.” “Co dhiubh ’s fhearr leats’, a Chath Conan, falbh leamsa, na fantainn an so?” “Is fhearr leam falbh comhla riutsa.” Dh’ fhalbh eud, ’s ’nur a ràinig eud an t-àth chomhrag cha do choinnich duine eud. Ràinig eud far an robh eud. Shuidh eud an sin is dé rinn Cath Conan ach tuiteam ’na chadal, leis cho fada ’s bha eud gon tighinn a mach. Cha b’ fhada ’na dheigh sin gos an do thòisich eud ri tighinn, agus na dorsan ri fosgladh. Bha dorus ma choinneamh a h-uile latha ’s a bhliadhn’ air gach brugh air alt ’s gon do mhaom eud a mach uile ma cheann Dhiarmaid. Thòisich Diarmaid orra, agus le fuaim nan claidhean agus le tilleadh nan daoine dhùisg Cath Conan, ’s thòisich e air dinneadh a’ chlaidheamh ann am miadhon a chalp’ aig’ Diarmaid. Fhuair Diarmaid an so tachas ann am miadhon a chalp’ aige. Thug e sùil uaithe, is de chunnaic e ach Cath Conan ag obair leis a chlaidheamh aige fhéin? “Amhradh ort, a Chath Conain,” ursa Diarmaid, “seachainn do dhuine fhéin, agus amais do namhaid, ’s gor co maith dhuit a bhi ’ga dhinneadh anns a bhota ud shuas, ’s a bhi ’ga dhinneadh a’m’ chalpasa. Na h-athnuadhaich thusa mis’ anis, ach an amais mis’ air mo namhaid.” Mharbh eud a h-uile duine dhe ’n t-sluagh. Smaointich eud air an fheadhain a bha ’s an àraich ’s eud gon bhiadh. Thug gach aon diubh leis làn neapaigin, ’sa bhrollaich, ’s a phòcaidean. “Co siud a muigh?” ursa Fionn. “Tha mise Diarmaid mac do pheathar.” “Démur a tha na Greugaich?” “Tha a h-uile duine dhiubh marbh gon anam.” “O thalla, agus thoir thugam teanachdas de bhiadh.” “Gad a bheirinnsa dhuit biadh demur a dh’ itheadh thu e, ’s thu ann an sin, ’s thu ceangailte?” Cha robh saod aig air biadh a thoirt daibh, ach a bhi ’tolladh a’ bhrugh as an cionn, ’s a’ leigeil a bhìdh sìos a ’n ionnsuidh. “De tha go d’ fhuasgladh as a sin?” ursa Diarmaid. “Mata is deacair sinn fhaotainn,” ursa Fionn, “’s cha ’n e h-uile fear a gheibh e, ’s cha ’n ’eil e ri fhaotainn idir.” “Innis thusa dhomhs’ [TD 199] e,” ursa Diarmaid, “agus gheibh mi e.” “Tha fhios’ am gon cìosnaich thu ’n saoghal gos am faigh thu e, agus cha ’n ’eil mo leigheas-sa ri fhaotainn, na fuasgladh as an so, ach aon rud.” “Dé ’n aon rud a th’ ann, nach innis thu dhomhs’ e, ’s gom faighinn e?” “Triùir nigheanan righ ris an can eud Righ Gil.” Tha na tri nigheanan ann an caisteal ann am miadhon acarsaid, gon searbhant, gon sgalag, gon duine beo ach eud fhìn. Eud sin fhaotainn, ’sa h-uile boinne fala th’ annt’ fhàsgadh asda, ’s a cuir air trinsearan, ’s ann an copain,—a h-uile diar fal’ a th’ annt a thoirt asda, ’s am fàgail cho geal ris an anart.” Dh’ fhalbh Diarmaid, ’s bha e ’falbh gos an robh dubhadh air a bhonnaibh, agus tolladh air a bhrogan, is neoil gheal an latha ’falbh, ’s neoil dhubha na h-oidhche tighinn, is gon e faighinn àite stad na tàmh dha. Ràinig e ’n acarsaid, ’s chuir e ceann caol a shleagh fo ’uchd, ’s ghearr e leum, s bha e ’sa chaisteal an oidhche sin. An la ’r na mhàireach thill e. Thug e leis dithisd air an darna guallainn ’s a h-aon air a’ ghualainn eile. Chuir e ceann caol a shleagh fo ’uchd, ’s air a chiad leum bha e air tìr. Ràinig e Fionn. Thug e d’a ionnsuidh na nigheanan. Dh’ fhàisg e h-uile diar fala bh’ anns na h-uile té riabh a mach air miaraibh a cas agus a làmh. Chuir e brat dubh air an uachdar. Thòisich e air dortadh na fal’ air an fheadhain a bha stigh, ’s a h-uile fear a dhoirteadh e’n fhuil air, dh’ eireadh e, is dh’ fhalbhadh e. Theirig an fhuil, is bha h-uile fear air fhuasgladh ach h-aon ris an canadh eud Conan. “An ann a brath mis’ fhàgail an so a tha thu Dhiarmaid?” “Amhradh ort, theirig an fhuil.” “Nam bu bean bhriagh, bhadanach, bhuidhe mise, ’s maith a dh’ amaiseadh tu mi.” “Ma leanas do chraicionn riut fhéin, na do chnamhan ri d’ fheoil, bheir mis’ as thu.” Dh’ fhalbh, e, agus rug e air làimh air. Fhuair e ma sgaoil, ach gon do lean craicionn a mhàis ris an àite shuidhe, agus craicionn nam bonn ris an talamh. “Bu mhaith a nis,” urs’ eudsan, “na’m biodh clann an righ mhaith beò, ach ’s còir an tiodhlacadh fo ’n talamh.” Dh’ fhalbh eud far an robh eud, ’s fhuair eud eud a gàireachdaich ’s a’ beadradh r’a chéile, is eud beo. Dh’ fhalbh Diarmaid, is thug e leis eud air fras mhullach a ghuaillean, ’s dh’ fhàg e eud ’s a chaisteal mur a bha eud roimhe. Thàinig eud uile dhachaidh do dh’ Eirinn. [Beurla] [TD 200-202] [Notes] [Beurla] [TD 203-208] XXXVII. THE BROLLACHAN. From Widow M. Calder, a pauper, Sutherland. [Beurla] [TD 209-219] XXXVIII. MURACHADH MAC BRIAN. From Donald Shaw, old soldier, Ballygrant, Islay. [Beurla] [TD 220] [Beurla] MURCHADH MAC BRIAN. BHA triùir dhaoine ann an duthaich Chinn a Choire ann an Eirinn; b’ e sin Murchadh Mac Brian, agus Donnachadh Mac [TD 221] Brian, agus Brian Bòrr an athair. Fhuair iad cuireadh a dhol gu dinneir gu h-àite ris an abradh iad Magh O Dòrna. Thug iad leotha tri fichead sgian, agus tri fichead srian, agus tri fichead each cluas-dearg, geal. Shuidh iad aig a’ chuirm, ’s cha luaith shuidh iad aig a’ chuirm, na chunnaic iad gruagach Chnoc Seanain an Eirinn a’ dol seachad. Siod a mach gabhaidh Murchadh; siod a mach gabhaidh Donnachadh; agus siod a mach gabhaidh Brian Bòrr, an athair ’nan déigh. Cha b’ fhada ’bha iad air folbh nur a chunnaic iad òlach mòr a’ tighinn ’nan coinneamh. Bheannaich Brian Bòrr e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas. Fhreagair esan ann am briathran a b’ fheàrr, ’s mar am b’ iad a b’ fheàrr cha b’ iad a bu mheasa. “De ’n duine thusa?” ursa Brian Bòrr. “Is gille math mi ag iarraidh maighstir.” “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean; ’s fhada bhithinn fhéin mam fasdainn thu aig do mheud.” “Is coma leam cò-aca; dh’ fhaoidte gum fasdadh Murchadh mi.” Ràinig e Murchadh, ’s bheannaich Murchadh e ann am briathran fisniche foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas. Fhreagair an t-òlach e ann am briathran a b’ fheàrr, ’s mar am b’ iad a b’ fhearr cha b’ iad a bu mheasa. “De ’n duine thusa?” ursa Murchadh. “’S gille math mi ’g iarraidh maighstir,” urs’ esan. “De ’n turasgal a bhios thu ’g iarruidh?” “Da dhrian de d’ chomhairle gus an d’ thig sin o ruith na gruagaich, ’s gun a bhi agad féin ach an t-aon.” “Ma gheobh thusa sin,” ursa Murchadh, “cha d’ fhuair fear romhad e, ’s cha ’n fhaigh fear a’ d’ dheigh e; ach ’s cinnteach mar am b’ airidh thu air nach ìarradh thu e.” Nur a chòrd iad thug e roid an déigh na gruagaich, ’s cha b’ fhada ’bha e air folbh nur a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh,” ursa Brian Bòrr, “am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean? dh’ aithnich mi gun robh e gun ghillle, toiseach an latha, am fear a dh’ fhasdaidh thu, ’s nan gabhadh e mo chomhairlesa cha ’n fhasdadh e thu.” “Cha dèan mi turn math an diugh gus an d’ thig na géineagan bhàr a’ chòta mhòir.” Fhuair iad an siod tàilleir, ’s cha robh de dh’ innleachd aig an tàillear na ’bheireadh na géineagan bhàr a’ chòta mhòir. Thug e ’n sin siosar a mach a bile na h-ata bige, ’s thug e na géineagan bhar a chòta mhòir ann am mionaid. Thug e roid an sin an déigh na gruagaich a rithisd, ’s cha b’ fhada bha e air folbh nur a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ [TD 222] aghaidh,” ursa Brian Bòrr, “am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean; dh’ aithnich mi gun robh e gun ghille toiseach an latha am fear a dh’ fhasdaidh thu, ’s na ’n gabhadh e mo chomhairlesa cha d’ fhasdaidh e thu.” “Cha déan mi turn math an diugh gus an d’ théid na géineagan air a chòta mhòr a rithisd; no ma chi mnathan a’ bhaile mi bidh a h-uile te dhiu as mo dhéigh.” Fhuair iad tàillear, ’s cha ghearradh a shiosar gréim, ’s cha ’n fhuaigheadh a shnàthad beum. Thug e fhein an sin siosar is snàthad a bile na h-ata bige, ’s chuir e na géineagan air a’ chòta mhòr a rithisd. Thug e roid bheag eile an déigh na gruagaich, ’s cha b’ fhada ’bha e air folbh nur a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh,” ursa Brian Bòrr; “dh’ aithnich mi gun robh e gun ghille toiseach an latha am fear a dh’ fhasdaidh thu, ’s na’n gabhadh e mo chomhairlesa cha d’ fhasdaidh e thu.” “Cha dèan mi turn math an diugh gus an d’ thig am bior a th’ ann a’m’ chois aisde.” Fhuair iad an siod léigh, ’s cha robh do dh’ innleachd aig an léigh na bheireadh am bior as a chois. Thug e féin iarunn beag a bh’ aige am bile na h-ata bige a mach, ’s thug e ’m bior as a chios, ’s bha ’m bior troigh na b’ fhaide na ’n lurga. “Ubh! ubh!” ursa Brian Bòrr, “’s iongantach an gnothach sin, am bior a bhi na b’ fhaide na ’n lurga!” “’S iomadh,” urs’ esan, “rud is iongantaiche na sin; tha sìneadh math an ceann nan alt ’s nan cnàmh.” Thug e roid bheag air folbh an sin, ’s cha b’ fhada ’bha e air folbh nur a thill e, ’s lach aig air a ròsdadh air an teine, ’s gun bhall loisgte na amh innte, ’s bha sàith a h-uile duine stigh innte. “’S e so turn is fhearr a a rinn thu fhathsd,” ursa Brian Bòrr. “Cha dean mi turn math an diugh gus am faigh mi luchdan beag cadail.” Dh’ fholbh iad air chùl Chnoc Seanain an Eirinn, air chùl gaotha, ’s air aghaidh gréine far am faiceadh iad gach duine ’s nach faiceadh duine iad. Chaidil e ’n sin, ’s nur a dhùisg dé ’bha ach gruagach Chnoc Seanain air mullach a’ chnoic. Dh’ èiridh e, ’s bhuail e buille d’a bhois urra ’sa chluais, ’s chuir e ’n ceann cùl air bheul-thaobh. “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh,” ursa Brian Bòrr, “am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean. Cuir an ceann gu ceart air a’ ghruagaich.” “Ma dh’ iarras mo mhaighstir sin orm ni mi e, ’s mar an iarr cha dèan mi ’n diugh air do shons’ e.” “Sin agad i,” ursa Murchadh, “’s dean do roghainn rithe.” Bhuail e ’n sin a dhòrn urra, ’s chuir e ’n t-ionachuinn aisde. Cha b’ fhada ’bha iad an sin nur a chunnaic iad fiadh, agus [TD 223] gadhar ’ga ’ruith. Mach as a dhéigh gabhaidh iad; ’s na spreadan a bha ’n gadhar a’ cur as a ladharan, bha iad a bualadh gille Mhurchaidh an clàr an aodainn; na spreadan a bha gille Mhurchaidh a’ cur as a ladharan, bha iad a’ bualadh Mhurchaidh an clàr an aodainn; ’s na spreadan a bha Murchadh a’ cur as a ladharan, bha iad a bualadh Dhonnachaidh an clàr an aodainn; ’s na spreadan a bha Donnachadh a’ cur as a ladharan, bha iad a bualadh Bhrian Bòrr an clàr an aodainn. An am an anamoich chaill Murchadh a chuid daoine. Cha robh ’athair, na bhrathair, na ’ghille, na ’m fiadh, na ’n gadhar r’a fhaicinn; ’s cha robh fios aige dé ’n taobh a rachadh e a ’n iarraidh. Thàinig ceò orra. Smaointich e gun rachadh e stigh do ’n choille ’chruinneachadh chnuthan gus am folbhadh an ceò. Chual e buille tuaigh anns a’ choille, is smaointich e gum b’e fear na h-ata bige ’s na boinneide mòire bh’ ann. Ghabh e sìos, ’s is e fear atan bhig a bh’ ann. Bheannaich Murchadh e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas; ’s fhreagair an t-òlach e ann am briathran a b’ fheàrr, ’s mar am b-iad a b’ fheàrr cha b’ iad a bu mheasa. “Tha dùil am féin,” urs’ an t-òlach sin, “gur h-ann do chuideachd Mhurchaidh Mhic Brian thu.” “’S ann,” urs’ esan. “Mata bheirinnsa cuid na h-oidhche dhuit airson an duine sin, ged a bhiodh ceann duine air do chrios.” Bha eagal air Murchadh gun iarradh e air a’ chual a chur air a’ mhuinn, ’s bha ra eagal air gun iarradh e air an tuagh a ghiùlan dachaidh aig a meud. “Ghille mhath,” urs’ esan, “tha mi cinnteach gu’ bheil thu féin glé sgìth an déigh t’ allabain is t’ ànraidh. Tha e mòr leam iarraidh ort a’ chual a thogail air mo mhuinn, ’s tha e ra mhòr leam iarruidh ort an tuagh a thoirt dachaidh.” Dh’ fholbh e ’s thog e chual chonnaidh air a mhuinn fein; thug e leis an tuagh ’na làimh; dh’ fholbh iad ’nan dithisd gu tigh an duine sin, ’s b’ e sin an tigh ciatach. Thug, an sin, bean an duine sin a nìos cathair òir, ’s thug i d’a fear féin i; ’s thug i nìos cathair airgid, ’s thug i do Mhurchadh i. Thug i nìos stòpan fìon, ’s thug i do Mhurchadh e, ’s thug e deoch as. Shìn e do ’n fhear eile e, ’s an déigh dhàsan na bh’ ann òl bhrìsd e ris a bhall’ e. Bha iad a’ seanachas còmhla, ’s bha Murchadh daonnan ag amharc air bean an tighe. “Tha dùil’ am féin,” ursa fear an tighe, “gur tu Murchadh Mac Brian fein.” “Mata ’s mi.” “Rinn mise da mhìomhodh ortsa o’n a thàinig thu thun an tighe, [TD 224] ’s rinn thusa h-aon ormsa. Shuidh mi féin anns a’ chathair òir, ’s chuir mi thusa anns a chathair airgid. Bhrisd mi ’n còrn dibhe; bha de dh’ easbhuidh orm gun deoch òl a soitheach leith fhalamh. Rinn thusa mìomhodh eile ormsa; tha thu ’g amharc air a’ mhnaoi sin agam, o’n a thainig thu thun an tighe, ’s na ’m biodh fhios agad na fhuair mi ’dhragh rithe, cha bhiodh iongantas ort ged nach bu mhath leam duine eile ’bhi ’g amharc urra.” “Dé,” ursa Murchadh, “an dragh a fhuair thusa rithe, nach d’ fhuair fear romhad, ’s nach fhaigh fear eile a’d’ dheigh?” “Cäidil a nochd ’s innsidh mi sin duit a màireach.” “Cha d’ théid neul cadail air mo shùil a nochd, gus an innis thu dhomh dé ’n dragh a fhuair thu rithe.” “Bha mi ’n so seachd bliadhna gun duine leam ach mi fein. Thàinig an seanaghal latha an rathad, ’s thuirt e rium na ’n rachainn gus an ruig an sibearta geal gum faighinn fiosrachadh ann. Dh’ fholbh mi ’n sin latha bòidheach samhraidh, ’s co’ bh’ ann ach gruagach an eilean, ’s gruagach a ghadhair a’ cur blàir. Thuirt gruagach an eilean rium na ’n rachainn a stigh air a h-aghaidh a chuideachadh leatha gun d’ thugadh i dhomh a nighean r’a pòsadh nur a rachamaid dhachaidh. Chaidh mi stigh air a beulthaobh. Bhuail mi dòrn air gruagach a ghadhair ’s chuir mi ’n t-ionachuinn aisde. Chaidh mi féin agus gruagach an eilean dhachaidh, ’s rinneadh banais agus pòsadh eadar mi féin agus a nighean an oidhche sin fein; ach le sgìos a’ ghaisgich, ’s athar na pòit, cha d’ fhuair mise dol a laidhe leatha an oidhche sin. Ma ’s moch a thàinig an latha an la ’r na mhàireach, bu mhoiche na sin a dh’ éiridh m’ athair céile, a ghlaodhach rium, a dhol do ’n bheinn sheilg a dhol a shealg bhrochd, uilc, agus shionnach. An am togail na sithinn agus a leagalach smaointich mi gun d’ fhàg mi mo bhean féin gun fear faire na coimhid urra. Chaidh mi dhachaidh mar churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair cheile ’caoineadh, ’s thuirt mi rithe, “Dé th’ ort?” “’S mòr a th’ orm; an triùir mhanach an déigh a’ bhean ud a phòs thu féin a thoirt air folbh.” Ghabh mi olc ’s a mhath siod orm féin, ’s ghabh mi lorg na lach air an naoidheamr tràth. Thachair mo long orm, ’s bha i air a tarruinn a seachd fad féin, air fearann tioram, tràighte, far nach dubhadh gaoith, agus nach loisgeadh grian, ’s nach dèanadh sgoilearan baile mhoir magadh na fochaid urra. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ra throm; ach smaointich mi gum bu bhàs romham agus na ’m dhéighinn e mar am faighinn mo bhean, ’s [TD 225] chuir mi mo spionnadh rithe, ’s chuir mi mach i. Thug mi ’toiseach do mhuir ’s a’ deireadh do thir; stiùir ’na deireadh; siuil ’na toiseach; ’s beairt na buill; aghaidh gach buill ceangailt, agus fuasgailt’; a’ deanadh cala agus acarsaid do dh’ eilean mara ’bha sin. Dh’ acraich mi mo long, ’s ghabh mi suas; ’s dé ’bha ’sin ach an triùir mhanach a’ cur crann feuch co leis aca bhiodh i ’san oidhche. Sgrìob mi na tri cinn diu; thug mi leam mo bhean; ’s chuir mi ann an deireadh na luing i. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulannach, fiùighidh. ’Se bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, ’s béiceardaich fhaoileann; a’ bhéisd a bu mhotha ’g itheadh na béisd a bu lugha, ’s a’ bhéisd a bu lugha dèanadh mar a dh’ fhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha ’n grunnd an aigean, bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean coirce romh a toiseach la feobhas an stiùraidh. Cha bu stad ’s cha b’ fhois dhomh, ’s mi ’ga ’caitheadh, gus an d’ ràinig mi baile-mòr mo mhàthair cheile agus m’ athair céile. Thogadh an ceòl, ’s leagadh am bròn. Bha deochanna mine, misgeach, ’s deochanna garbha ’gan gabhail: ceòl ann an teudan fiodhlach, a’ sìor leigheas gach galair, a chuireadh fir ghointe agus mnathan siùbhla ’nan cadal air a mhòr-bhaile an oidhche sin. Le athar na pòit, ’s le sgios a’ ghaisgich, cha do laigh mise leis a’ bhean an oidhche sin. Ma bu mhoch a thàinig an latha an la ’r na mhàireach, bu mhoiche na sin a dh’ éiridh m’ athair ceile a ghlaodhach rium fein a dhol do ’n bheinn sheilg, a dhol a shealg bhrochd, is uilc, is shionnach. An am togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi féin gun d’ fhàg mi mo bhean gun fear faire na feur choimhead urra. Ghabh mi dhachaidh a’m’ churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéile ’caoineadh. “Dé th’ ort a nochd?” Is mòr a th’ orm, Macan na Falluinne fluiche an déigh a’ bhean ud a phòs thu féin a thoirt air folbh.” Ghabh ’mi a mhath is olc siod orra fein. Ghabh mi lorg an lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ra throm leam. Chuir mi mo dhriom rithe a rithisd, ’s chuir mi mach i. Thug mi ’toiseach do mhuir, ’s a deìreadh do thìr. Dheanainn stiuir ’na deireadh, siuil ’na toiseach; ’s beairt ’na buill; aghaidh gach buill a bh’ innte ceangailt’ agus fuasgailt’; a’ deànadh rogha cala agus acarsaid do Bhaile-mòr Macan na Falluinne fliuiche. Tharruinn mi mo long a seachd fad féin air fearann tioram, tràighte, far nach dubh- [TD 226] adh gaoith, ’s nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baìle-mhòir culaidh mhagaidh na fhochaid di. Dh’ fhàg mi mo luirg ’s mo shleaghan fo thaobh na luinge. Chaidh mi suas, ’s thachair buachaill’ orm. Dé do naigheachd an diugh a bhuachaille? thuirt mi ris. “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh a bhiasd, am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean; ’s mòr ’s is math mo naigheachd; banais agus pòsadh eadar Macan na Falluinne fliuiche ’s nighean gruagach an eilean, ’s nach ’eil mùirne na maird ’san rìoghachd nach ’eil cuireadh aca thun na bainnse.” Nan d’ thugadh thu domh an lùireach sin ort, bheirinn duit an còta math so ’th’ orm féin, ’s pàigheadh math a thuillidh air an sin.” “Uile chumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh a bhiasd, am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean; cha ’n e sin aighear agus ioghnadh a th’ agam féin r’a ghabhail aisde ma ’n éirich grian air athar am màireach.” Bhuail ’mi buill de m’ dhorn air an clàr an aodainn ’s chuir mi ’n t-ionachainn ’na chùibeanan teine trìd chùl a chinn. Chuir mi orm an lùireach, ’s ghabh mi suas, ’s bha na daoine an déigh cruinneachadh thun na bainnse. Smaointich mi gun robh e fortanach dhomh am faotainn cruinn. Ghabh mi na ’m measg mar sheobhaig romh ealt, na mar ghobhair ri creig, na mar chù mòr ann an latha fuar Earraich a’ dol romh threud chaorach. Sin mar a dheanainn buidhnichean beaga do bhuidhnichean mòra; caisteil chròdha ’chluinnt ’an ceithir àirdean an athair; slachdarsaich lann a’ gearradh nan sgiath sonnalach; gus nach d’ fhàg mi fear innsidh sgeoil na chumadh tuairisgeul; mar am biodh fear air leith-chois ’s fear air leith-làimh, ’s ged a bhiodh deich teangannan ’nan ceann ’s ann aig innseadh an uilc féin is uilc chàich a bhitheadh iad. Thug mi leam mo bhean féin, ’s chuir mi ann an deireadh na luing i. Thug mi ’toiseach do mhuir ’s a deireadh do thìr. Dheanainn siùil ’na toiseach, stiuir ’na deireadh. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulannach, fiughaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, s béiceardaich fhaoileann; a’ bhéisd a bu mhotha ’g itheadh na béisd a bu lugha, ’s a’ bhéisd a bu lugha ’deanadh mar a dh’ fhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha ’n grunnd an aigean bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean caol coirce le feobhas an stiùraidh. Thill sinn gu baile mòr m’ athair céile. Thogadh an ceòl ’s leagadh am bròn. Bha deochanna mine, misgeach, s deochanna garbha ’gan gabhail; ceòl air teudan, a’ sìor leigheas gach seorsa galair, a [TD 227] chuireadh fir ghointe agus mnathan siubhla ’nan cadal air a’ mhòr-bhaile an oidhche sin. Le sgìos a ghaisgich, agus le athar na pòit, cha do laidh mise le m’ mhnaoi an oidhche sin. Ma bu mhoch a thàinig an latha an la ’r na mhàireach, bu mhoiche na sin a dh’ éiridh m’ athair céile a ghlaodhach rium a dhol do ’n bheinn sheilg, a dhol a shealg bhrochd, is uilc is shionnach. An am togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi gun d’ fhàg mi mo bhean féin gun fhear faire na fuar choimhead urra. Dh’ fholbh mi dhachaidh mar churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéile ’caoineadh. Dé th’ ort? “’S mòr sin, Macan mòr mac rìgh na Sorcha an déigh a’ bhean ud a phòs thu féin a thoirt air folbh.” Is e bu mheasa leam aca. Ghabhtar a mhath is olc siod orm fein. Ghabh mi lorg an lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ra throm leam. Chuir mi mo dhrìom rithe a rithisd, ’s chuir mi mach i. Thug mi ’toiseach do mhuir ’s a deireadh do thir. Dhéanainn stiuir ’na deireadh; siùil ’na toiseach; ’s beairt na buillsgean; aghaidh gach buill a bh’ innte fuasgailt’ agus ceangailte; a’ dèanadh rogha cala agus acarsaid do bhaile-mòr Macan mòr rìgh na Sorcha. Tharruin mi mo long a seachd fad féin o thràigh air fearann tioram, far nach dubhadh gaoith, ’s nach loisgeadh grian, ’s nach dèanadh sgoilearan baile-mhòir culaidh bhùird, na mhagaidh, na fhochaid di. Ghabh mi suas ’s thachair bleidire orm. “Dé do naigheachd an diugh a bhleidire?” “Cumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh; am math leat do chrochadh is sian fala ma t’ shùilean? ’s mor agus is math mo naigheachd; banais agus pòsadh eadar Macan mòr rìgh na Sorcha agus nighean gruagach an eilean; ’s nach ’eil mùirne na mairde ’san tìr nach ’eil air an cuireadh thun na bainnse.” “Na’n d’ thugadh thu féin dhomh do lùireach, bheirinn dhuit paigheadh math, agus an cota math so th’ orm air a son?” “Cumhachdan an t-saoghail a’ t’ aghaidh a bhiasd; am math leat do chrochadh agus sian fala ma t’ shùilean; cha ’n e sin aighear agus ioghnadh a th’ agam féin r’a ghabhail aisde ma ’n éirich grian air athar am màireach.” Bhuail mi buille do m’ dhòrn air an clàr an aodainn, ’s chuir mi ’n t-ionachainn ’na chùibeanan teine trìd chùl a chinn. Bha fhios aig bean na bainns’ air altaigin gum bithinn ann, ’s dh’ iarr i na bleidirean a riarachadh an toiseach. Shuidh mi féin am meadhon nam bleidirean, ’s a h-uile fear a theannadh ri mìr a thoirt nam bheirinn bruthadh dha eadar mo làmh ’s mo thaobh, ’s dh’ fhàgainn an siod e, ’s [TD 228] cheapainn am biadh leis an darna làmh, ’s an deoch leis an làìmh eile. Thuirt cuideigin nach robh am bleidire mòr a leigeil mìr an ceann nam bleidirean eile. Thuirt bean na bainnse iadsan a bhi math do na bleidirean, ’s gum biodh iad féin réidh air a’ cheann ma dheireadh. Nur a fhuair na bleidirean air fad an leòir dh’ fholbh iad, ach laidh mi féin far an robh mi. Thuirt cuideigin gun robh am bleidire mòr an déigh laidhe air an daoraich, ’s thuirt fear na bainnse a’ bhiasd a thilgeil a mach air cùl cnoic na ’n sgàth gàrraidh, gus an traoghadh e na bha ’na bhrainn. Thàinig còig deug de na daoine ’nuas, ’s thug iad làmh air mi féin a thogail. Air do dha làimh a Mhurchaidh gum b’ fhasa dhaibh Càrn a Choilnnich an Eirinn a chura a bhonn na mise ’thogail o ’n talamh. Thàinig h-aon de na daoine ’bu ghlice na chéile nuas, bha ball seirc orm, ’s cha robh duine chunnaic riamh mi nach aithneachadh a rithisd mi, ’s thog e ’n currachd, ’s dh’ aithnich e co ’bh’ann. “Gun cuideachadh am fortan leibh an so a nochd. Tha ’n so Dìreach Ghleann féite Macallain, am feamanach gun iochd, gun trocair, gun eagal Ni Math, na duine; mar an dèanadh e do Mhurchadh Mac Brian e.” Nur a chuala mi féin siod dh’ éiridh mi dhol ann a’m’ threallaichean cath agus comhraig. Chuir mi orm mo léine sheuntaidh, sheumh de ’n t-sròl ’s de ’n t-sìoda shleamhuinn bhuidhe, sìnte ri m’ chraicionn; mo chòta caomh cotain air uachdar a chaomh bhroitinn; mo sgiath bhucaideach, bhacaideach, bharra-chaol air mo thaobh cli; mo shlachdanta cruaidh curaidh ann a’m’ làimh dheis; m’ iuchair sginnichdinn chaol air mo chrios; mo chlogada cruadhach ma m’ cheann a dhìon mo mhaise mhullaich, a dhol an toiseach na h-iorguill ’s an iorghuil a’ dol ’na deireadh. Chuir mi orm mo lùireach thorantach, shìth thorantach, chorra-ghleusda, gun fhòtas, na gun os, ghormghlas, ghormghlan, leudar, leòthar, Lochlannach, fhada, aotrom, inntinneach; ’s cha d’ fhàg mi fear innsidh sgeoil na chumadh tuairisgeul; mar am biodh fear air leith-chos ann, ’s fear air leith-làimh, ’s ged a bhiodh deich teangannan ’nan ceann, ’s ann aig innseadh an uilc fein is uilc chàich a bhithead iad. Thug mi leam mo bhean ’s chuir mi ’san luing i. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan cranna fada, fulannach, fiùghaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, ’s béiceardaich fhaoileann; a bhéisd a bu mhotha aig itheadh na béisd a bu lugha, ’s a bheisd a bu lugha a’ dèanadh mar a dh’ fhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha ’n grunnd an aigean [TD 229] bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinlean coirce romh a toiseach le feobhas an stiùraidh. Cha bu stad ’s cha b’ fhois dhòmh, ’s mi ’ga caitheadh, gus an d’ ràinig mi baile-mòr m’ athair céile. Sin agad a’ chiad oidhche a fhuair mise le m’ bhean a Mhurchaidh, ’s am b’ iongantach ged nach bu mhath leam duine sam bith a bhith ’g amharc urra. “Gu dearbh cha b’ iongantach,” ursa Murchadh. Chaidh Murchadh an oidhche sin a laidhe, ’s fhuair e e féin an là’r na mhàireach ann an tùr Chinn a Choire ann an Eirinn, far an robh athair agus a sheanair; ’s am fiadh, ’s an gadhar, is athair, ’s a’ bhràthair a stigh air thoiseach tir. [Beurla] [TD 230-231] [Notes] [Beurla] GLOSSARY. ALLABAN ANRADH, painful, wandering. ATHAR NA POIT, the evil effect of drinking. BEART NA BUIL, tackle in her ropes. BEUCARSAICH, screaming. BROCHD AGUS OLC, badgers and evil creatures, vermin. BUCAIDACH, pimply, boss covered, or perhaps hollow. CALA AGUS ACARSAID, port and anchorage. CNOCK SEANAN, (?) Hill of Jewels, from sean or seun, a jewel. CRANNA FADA FULANNACH, trees or masts, long-enduring. FILE MILE, soft, fluent. FISNICHE FAISNICHE, words whose meaning is lost in the islands; probably Irish; perhaps knowing, delaying, that is wise, eloquent. LEUDAR LEOTHAR LOCHLANNACH, (?) perhaps a description of the man; the epithet Lochlannach is the only one of the three which is comprehensible, and this line probably belongs to something else. LORG NA LACH, the track of the duck; path, towards the sea. LURACH, a coat of mail, also a patched cloak. MAGH O DORNA, (?) plain of pebbles, from dornag, a stone, that can be held in dorn, the fist. NEAM-A-LACH, (?) not to be found in dictionaries. PLUBARSAICH, an expressive word for plunging about. [TD 232-238] XXXIX. THE THREE WIDOWS. From Hector Boyd, Fisherman, Barra. [Beurla] [TD 239] NA TRI BANTRAICHEAN. BHA tri bantraichean aunn, agus bha mac an t-aon aig h-uile té dhiu. ’Se Dòmhnull a bh’ air mac h-aon diu. Bha ceithir daimh aig Dòmhnull, ’s cha robh ach dà dhamh an t-aon aig càch. Bhiodh eud a’ trod daonnan, ag ràdh go ’n robh barrachd feòir aige-san ’s a bh’ aca fhìn. Oidhche dha na oidhchean chaidh eud do ’n chùith, agus rug eud air na daimh aig Dòmhnull, agus mharbh eud eud. Nur a dh’ eiridh Dòmhnull ’s a chaidh e ’mach ’sa mhadainn a sheaultainn air na daimh, fhuair e marbh eud. Dh’ fheaunn e na daimh ’s shaill e eud, ’s thug e leis té dha na seicheachan dha ’n bhaile mhòr a ’creic. Bha ’n t-astar cho fada ’s gon d’ thàinig an oidhch’ air mu ’n d’ ràinig e ’m baile mòr. Chaidh e ’stigh do choille ’s chuir e ’n t-seiche mu cheaunn. Thàinig grunnan ian ’s laidh eud air an t-seiche. Chuir e ’làmh a mach ’s rug e air fear dhiu. Mu shoillseachadh an latha dh’ fhalbh e. Ghabh e go tigh duin’ uasail. Thàinig an duin’ uasal gos an dorusd ’s dh’ fhoighnichd e dé bh’ aige ’na achlais an siud. Thuirt e go ’n robh fiosaiche. “De ’n fhiosachd a bhios e ’dianadh?” “Bidh a h-uile seòrsa fìosachd,” ursa Dòmhnull. “Bheir air fiosachd a dhianadh,” urs’ an duin’ uasal. Dh’ fhalbh e agus dh’ fhàisg e e ’s thug an t-ian ràn as. “De ’tha e ’g ràdh?” urs’ an duin’ uasal. “Tha e ’g ràdh gom bheil toil agadsa ’cheannach, ’s gon d’ thoir thu dà chiad punnd Sasnach air,” ursa Dòmhnull. “Mata, go cinnteach! tha e fiar gon teagamh, ’s na ’m bithinn a smaointeachadh gon dianadh e fiosachd bheirinn sin air,” urs’ an duin’ uasal. Cheannaich an duin’ uasal, an so, an t-ian o Dhomhnull, ’s thug e dà chiad punnd Sasnach dha air. “Fiach nach creic thu ri duine ’sam bith e, ’s gon fhios nach d’ thiginn fhìn a ’iarraidh fhathasd. Cha d’ thugainn duit air tri mile punnd Sasnach e mur a’ bhithe’ gom bheil mi aunn a’m’ éiginn.” Dh’ fholbh Dòmhnull dachaidh, ’s cha d’ rinn an t-ian greim fiosachd riabh tuillidh. “Nur a ghabh e bhiadh thòisich e air cunntas an airgid. Co ’bha ’ga choimhead ach an fheadhainn a mharbh na daimh. Thàinig eud a stigh. “A Dhòmhnuill,” urs’ àdsan, “démur a fhuair thusa na ’bheil an sin de dh’ airgiod?” “Fhuair mur a gheibh sibhs’ e cuideachd. ’S mi ’bha toilichte go ’n do mharbh sibh na daimh orm,” urs’ esan. “Marbhadh sibhse na daimh agaibh fhìn, agus feannaibh eud, agus thugaibh leibh na seich- [TD 240] eachan do ’n bhaile mhòr, ’s bithibh ag eubhach co cheannachas seiche daimh, agus gheibh sibh na leòir de dh’ airgiod.” Mharbh eud na daimh ’s dh’ fheaunn eud eud. Thug eud leò na seicheachan do ’n bhaile mhòr, ’s thòisich eud air eubhach co cheannachas seiche daimh. Bha eud ris an obair sin fad an latha; ’s nur a bha muinntir a’ bhaile mhòir sgìth ’gabhail spòrs orra, thill eud dachaidh. Cha robh fios aca an so de ’dhianadh eud; bha aireachas orra chionn na daimh a mharbhadh. Chunnaic eud màthair Dhòmhnuill a’ dol do ’n tobar, ’s rug eud urra ’s thachd eud i. Nur a bha Dòmhnull a’ gabhail mulaid fad ’s a bha mhàthair gon tighinn, sheaull e ’mach fiach am faiceadh e i. Ràinig e ’n tobar ’s fhuair e marbh an sin i. Cha robh fios aige de ’dhianadh e. Thug e leis dhachaidh an sin i. An la ’r na mhàireach ’sgeadaich e i aunns an aodach a b’ fhearr a bh’ aice ’s thug e dha ’n bhaile mhòr i. Choisich e ’suas go tigh an rìgh ’s i aig’ air a mhuin. Nur a thàinig e go tigh an rìgh thachair tobar mòr ris. Dh’ fhalbh e ’s stob e ’m bata ’m bruach an tobair, ’s chuir e ’na seasamh i ’sa h-uchd air a’ bhata. Ràinig e ’n dorusd ’s bhuail e aige, ’s thàinig an searbhanta ’nuas. “Abair ris an rìgh,” urs’ esan, “gom bheil boireannach còir thallad, ’s gom bheil gnothach aice ris.” “Dh’ innis an searbhanta siud dha ’n rìgh. “Abair ris a ràdh rithe tigh’n a naull,” urs’ an rìgh. “Tha ’n righ ’g iarraidh ort a ràdh rithe tigh’n a naull,” urs’ an searbhanta ri Dòmhnull. “Cha d’ théid mis’ aunn; theirig fhìn aunn; tha mise sgìth go leòir.” Chaidh an searbhanta ’suas ’s thuirt i ris an an rìgh nach rachadh bad dha ’n duin’ aunn.” “Falbh fhìn aunn,” urs’ an rìgh. “Mur am freagair i thu,” ursa Dòmhnull ris an t-searbhanta, “putaidh tu i; tha i bodhar.” Ràinig an searbhanta far an robh i. “A bhoireannaich chòir,” urs’ an searbhanta rithe, “tha ’n rìgh ’g iarraidh oirbh fhìn tigh’n a naull.” Cha d’ thug ise feairt. Phut i i ’s cha d’ thuirt i facal. Bha Dòmhnull a’ faicinn mur a bha ’muigh. “Tarruinn am bat’ o a h-uchd,” ursa Dòmhnull, “’s aunn ’na cadal a tha i.” Tharruinn i ’m bat’ o a h-uchd, agus siud an coinneamh a cinn a ghabh i aunns an tobar. Dh’ eubh esan an so a muigh, “O m’ fheudail! m’ fheudail! mo mhathair air a bàthadh aunns an tobar! De ’ni mis’ an diugh!” Bhuail e ’n so a dha bhois ri chéile, ’s cha ’n ’eil ràn a bheireadh e as nach cluinnte tri mìl’ air astar. Thàinig an rìgh ’mach. “O ghille, na d’ thoir guth go bràch air, ’s pàighidh mise do mhàthair.” “De ’bhios thu ’g iarraidh air do mhàthair?” “Còig ciad punnd Sasnach,” ursa [TD 241] Dòmhnull. “Gheibh thu sin ’sa mhionaid,” urs’ an rìgh. Fhuair Dòmhnull na còig ciad punnd Sasnach. Chaidh e far an robh ’mhàthair, ’s thug e dhi an t-aodach a bh’ urra, ’s thilg e ’s an tobar i. Thàinig e dhachaidh ’s bha e ’cunntas an airgid. Thàinig àdsan ’nan dithisd far an robh e fiach am biodh e ’caoineadh a mhàthar. Chuir eud ceist air ca’ ’n d’ fhuair e na robh ’n siud de dh’ airgiod. “Fhuair,” urs’ esan, “far am faigheadh sibhs’ e na ’n toilicheadh sibh fhìn.” “Démur a gheibh sin e?” “Marbhadh sibhs’ ’ur màthraichean, ’s thugaibh leibh air ’ur muin eud, ’s theirigibh feadh a bhaile mhòir, ’s bithibh ag eubhachd co a cheannachas seana chailleach mharbh, ’s gheibh sibh ’ur fortan.” Nur a chual eud so chaidh eud dachaidh. Shiùd gach fear ac’ air a mhàthair le clach am mogan gos an do mharbh e i. Dh’ fhalbh eud an la ’r na mhàireach do ’n bhaile mhòr. Thòisich eud air eubhach, “Co cheannachas seana chailleach mharbh,” ’s cha robh duine ’cheannachadh siud. Nur a bha muinntir a ’bhaile mhòir sgìth ’gabhail spòrs orra, lig eud na coin aunnta dhachaidh. Nur a thàinig eud dachaidh an oidhche sin chaidh eud a laidhe ’s chaidil eud. An la ’r na mhàireach, nur a dh’ éiridh eud, thàinig eud far an robh Dòmhnull, ’s rug eud air, ’s chuir eud aunn am barailt e. Dh’ fhalbh eud leis gos a rìleadh a sìos le bàrr creige. Bha eud an so ’s treis mu seach aca ’ga ’ghiulan air falbh. Thuirt an darna fear ris an fhear eile, o’n a bha ’n t-astar cho fada ’s an latha cho teith, go ’m bo chòir dhaibh dol a stigh a ghabhail drama. Chaidh eud a stigh, ’s dh’ fhàg eud esan aunns a bharailt air an rathad mhòr a muigh. Chual e tristrich a’ tighinn, ’s co ’bha ’n sin ach cìbear agus ciad caora leis. Ghabh e ’nuas; agus thòisich esan air seinn tromp a bh’ aig’ aunns a’ bharailt. Bhuail an cìbear buille dha ’n bhat’ air a’ bharailt. “Co ’tha ’n so?” urs’ esan. “Tha mis’,” ursa Dòmhnull. “De ’tha thu ’dianadh aunn?” urs’ an cibear. “Tha mi ’dianadh an fhortain aunn,” ursa Dòmhnull; “’s cha ’n fhaca duine riabh a’ leithid so de dh’ àite le òr a’s airgiod. Tha mis’ an déigh mìle spòran a lianadh an so, ’s tha m’ fhortan thun a bhith dèante.” “’S truagh,” urs’ an cibear, “nach ligeadh tu mi fhìn a stigh treis.” “Cha lig; ’s mòr a bheireadh orm e.” “’S nach lig thu aunn mi, nach faodadh tu mo ligeil aunn aona mhionaid, ’s nach faod thu na leòir a bhith agad fhìn co-dhiù.” “An leòbhra ’dhuine bhochd, o ’n a tha thu feòmach ligidh mi aunn thu. [TD 242] Cuir fhìn an ceaunn as a bharailt ’s thig an so, ach cha n’ fhad’ a gheibh thu ’bhith aunn,” ursa Domhnull. Thug an cìbear an ceann as a bharailt ’s thàinig esan a mach. Rug e air dhà chois air a’ chìbear ’s chuir e ’n coinneamh a chinn ’s a bharailt e. “Cha ’n ’eil airgiod na òr an so,” urs’ an cìbear. “Cha ’n fhaic thu dad gos an d’ théid an ceaunn ’sa bharailt,” ursa Dòmhnull. “O! cha ’n fhaic mise sgath an so,” urs’ esan. “Mur am faic biodh agad,” ursa Dòmhnull. Dh’ fhalbh Dòmhnull ’s chuir e air am breacan a bh’ aig a’ chìbear, ’s lean an cù e nur a chuir e air am breacan. Thàinig àdsan, an so, a’ mach ’s rug eud air a’ bharailt ’s thog eud air an guaillean e. Dh’ fhalbh eud leis. Theireadh an cìbear an ceaunn h-uile mionaid, “Mis’ a th’ aunn, mis’ a th’ aunn.” “O ’s tu bhraidean! ’s dògh gor tu!” Ràinig eud bàrr na creige, ’s lig eud sìos am barailt leis a’ chreig ’s an cìbear ’na bhroinn. Nur a thill eud co chunnaic eud ach Dòmhnull le bhreacan ’s le chù, ’s ciad caor’ aig’ aunn am pàirc. Ghabh eud a null g’a ionnsuidh. “O Dhòmhuill,” urs’ àdsan, “démur a fhuair thusa tighinn an so?” “Fhuair mur gheibheadh sibhse na ’m fiachadh sibh ris. An deigh dòmhsa an saoghal thaull a ruighinn, thuirt eud rium gon robh ùine na leòir agam go dol a null, ’s chuir eud a naull mi agus ciad caora leam go airgiod a dhianadh dhomh fhìn.” “Agus an d’ thugadh eud a’ leithid sinn duinne na ’n rachamaid fhìn aunn?” urs’ àdsan.” “Bheireadh, ’s eud a bheireadh,” ursa Dòmhnull. “De ’n dòigh air am faigh sinn dol aunn,” urs’ àdsan. “Dìreach air an aon dòigh air an do chuir sibh fhìn mis’ aunn,” urs’ esan. Dh’ fhalbh eud ’s thug eud leotha da bharailt go eud fhin a chur unnta go h-àrd. Nur a ràinig eud an t-àite chaidh fear diu aunn a h-aon de na barailtean, ’s chuir am fear eile sìos leis a’ chreig e. Thug am fear sin ràn as shìos, ’s an t-ionachainn an déigh dol as leis a’ bhuill’ a fhuair e. Dh’ fhoighneachd am fear eile de Dhòmnull de ’bha e ’g ràdh. “Tha e ’g eubhach, Crodh a’s caoraich, maoin a ’s mathas,” ursa Dòmhnull. “Sìos mi! sìos mi!” urs’ am fear eile, ’s cha d’ fhan e ri dol aunns a bharailt. Gheàrr e leum sìos ’s chaidh an t-ionachainn as. Thill Domhnull dachaidh ’s bha ’m fearann aige da fhìn. [Beurla] [TD 243-252] [Notes] [Beurla] [TD 253-263] XL. THE SON OF THE SCOTTISH YEOMAN WHO STOLE THE BISHOP’S HORSE AND DAUGHTER, AND THE BISHOP HIMSELF. From Donald MacLean, Grassmarket, Edinburgh. Written in Gaelic, and translated by the Rev. Mr. MacLauchlan. [Beurla] [TD 264] [Beurla] MAC AN TUATHANAICH ALBANAICH, A GHOID EACH, AGUS NIGHEAN AN EASBUIG, AGUS AN T-EASBUIG FHEIN. BHA triùir mhac aig tuathanach Albanach uair de na bhann. An uair a thainig am fear a b’ òige dhiubh gu aoise ’dhol ri ceàird, chuir e tri cheud marg mu choinnimh gach aon dhiubh. Dh’ iarr am fear a b’ òige a chuid d’a fhéin, gun robh e ’falbh a dheanamh an fhortain. Thug e baile mòr Lunnuin air. Bha e greis ann an sin, ’us ciod e bha e ag ionnsachadh ach a bhi ’n a ghille duine uasail! Chuir e forthas mu dheireadh c’ àite am faigheadh e maighistir. Chuala e gun robh gille a dhìth air Probhaist Lunnuin. Ràinig e e, chord iad, ’us rinn e muinntireas aige. Bha am Probhaist a dol na h-uile la ’s an t-seachduin a choinneachadh Ardeaspuig Lunnuin ann an àité sònruichte. Dh’ fhalbh an gille le a mhaighistir, oir bhitheadh e mach leis daonnan. ’N uair a sgaoil iad a choinneamh a bh’ aca aon la thill iad, ’us thubhairt an gille r’a mhaighistir air an rathad, “Is maith,” ars’ esa, “an t-each donn ud a th’ aig an Easbuig, le ’ur cead, a mhaighistir.” “Seadh, a laochain,” ars’ a mhaighistir, “tha an t-each is fhearr ’an Lunnuin aige.” “Saoil mi,” ars’ an gille, “ciod e ghabhadh e air an each nan reiceadh e e.” “Uh, amadain,” ars’ a mhaighistir, “shaoil leam gur balach ceart a bh’ annad, is iomadh fear a dh’ fheuch ris an each ud a cheannach ’us dh’ fhairtlich orra fhathasd.” “Tillidh mise ’us feuchaidh mi ris,” ars’ esan. Thill a mhaighistir comhluadh ris a dh’ fhaicinn. Is ann air Diardaoine a thachair so. Thubhairt an gille ris an Easbuig, an reiceadh e an t-each. Ghabh an t-Easbuig ardan ’us miothlachd, ’us cha robh fiuthar aig gun [TD 265] ceannaicheadh esan e. “Mata ciod e am beathach bhitheadh agadsa no aig duine eile nach fhaodar a cheannach,” ars’ an gille? “Bhuraidh gun tùr,” ars’ an t-Easbuig, “tha thu amaideach, rach dhathigh, cha cheannaich thu m’ eachsa.” “Ciod e an geall a chuireas tu,” ars’ an gille, “nach bi e agamsa an dàr-sa màireach?” “’N e m’ eachsa bhitheas agad,” ars’ an t-Easbuig. “Is e d’ eachsa bhitheas agam,” ars’ esan, “ciod e an geall a chuireas tu rium nach goid mi e?” “Cuiridh mi coig ceud marg riut,” ars’ an t-Easbuig, “nach dean thu sin.” “Mata,” ars’ an gille, “cha-n ’eil agamsa ach aon phunnd, ach cuiridh mi sin, ’us mo cheann riut gun goid mi e.” “Is bargan e,” ars’ an t-Easbuig. “Thoir an aire,” ars’ esan, “tha mi cur mo chinn agus am punnd riut, agus mu ghoideas mise e, is e mo chuid féin a bhitheas ann.” “Bithidh e mar sin cinnteach,” ars’ am Probhaist. “Tha mi ag aontachadh ri sin,” ars’ an t-Easbuig. Chaidh iad dathigh an oidhche sin. “Ghille bhochd,” ars’ a mhaighistir ris air an rathad, “bha thu cordadh gu maith rium o fhuair mi thu. Tha mi duilich do chall a nis. Tha thu amaideach. Bheir an t-Easbuig an aire nach goid thusa no fear eile an t-each; cumaidh e faire air.” Dh’ fhalbh an gille ’n uair thainig an oidhche ’us ghabh e air; chaidh e gu tigh an Easbuig. Ciod e fhuair e mach ach gun robh an t-each stigh ann an seòmar aige, agus daoine ann an sin a gabhail da ag ith ’us ag òl. Sheall gille a Probhaist timchioll air ’us smuanaich e gum feumadh e fear tapaidh eile fhaighinn comhluadh ris. Suil d’ an d’ thug e uaith, ciod e chunnaic e ach fear a bhitheadh ri cron daonnan feadh a bhaile. “Ma theid thu comhluadh riumsa,” ars’ esa’, “beagan ùine bheir mi rud eigin duit airson do shaothrach.” “Ni mi sin,” ars’ am fear eile. Dh’ fhalbh esan ’us air a cheud dol a mach “rainig e fhéin ’us an gille a fhuair e an crochadair a bha ’s a bhaile, “An urrainn thu innseadh dhomhsa,” ars’ esan, “c’ àite am faigh mi duine marbh?” “Is urrainn,” ars’ an crochadair, “chaidh duine a chrochadh an diugh fhéin an deigh mheadhoin latha.” “Ma theid thu ’us gum faigh mise e,” ars’ esa, “bheir mi rud eigin duit.” Dh’ fhalbh e leis ’us ràinig iad an corp. “An aithne dhuit a nis,” ars’ esan, “c’ àite am faigh mi ball mòr fad, làidir?” “Is aithne dhomh sin,” ars’ an crochadair, “tha am ball a chroch an duine an so goireasach dhuit ’us gheibh thu e.” Dh’ fhalbh e leis, e fhéin ’us an gille eile a fhuair e, ’us thug iad leo e. Chaidh iad gu tigh an Easbuig. Thubhairt e ris a ghille ’n uair [TD 266] a rainig e, “fuirich thusa an sin ’us thoir an aire dha so, ach an d’ theid mise suas air mullach an tighe.” Dh’ fhuirich an gille, ’us chaidh esan suas air mullach an tighe. Chuir e a bheul ’us a chluais ris an t-siomalair ach am faigheadh e mach c’ àite an robh na daoine, agus bruidheann labhar aca leis an òl. Fhuair e mach far an robh iad. “Cuir am ball,” ars’ esan, “timchioll air amhaich an duine mhairbh, ’us tilg an ceann eile aig ormsa.” Shlaod e an duine marbh leis gu mullach an t-siomalair. Bha na daoine bha ’s an t-seòmar a faireachduinn na bha de shalachar ’s an t-siomalair a tuiteam. Bha esan a leigeadh leis ’s a leigeadh leis an duine mhairbh, gus am faca e mu dheireadh an solus breagh bha aig luchd na faire’ tighinn air cosaibh an duine mhairbh. “Faicibh,” ars’ iadsan, “ciod e tha so.” “Oh! am meirleach Albanach,” ars’ iadsan, “nach e thug an oidheirp? B’ fhearr leis a bheatha chall mar so no a cheann bhi aig an Easbuig, an ionnsuidh thug e air fhéin!” Leis an t-siomalair thainig an gille le cabhaig. Am meadhon nan daoine bha e a stigh ’us mar thainig an t-each mach air an dorus b’e a cheud làmh bha ’an srian an eich esan. Dh’ fhalbh e leis an each an stabull ’us thubhairt e riu gum feudadh iad nis dhol a chodal, gun robh iad sabhailt gu leòr. “Tha mi creidsinn,” ars’ esan ris a ghille eile, “gu bheil thu ’n ad ghille tapaidh, bi aig laimh an ath oidhche ’us chi mi rìs thu.” Phaigh e an gille, ’us an gille ro thoilichte. Dh’ fhalbh esan dhathigh gu stabull a mhaighistir le each donn an Easbuig. Ghabh e mu thàmh ’us ge bu mhoch a thainig an la bu mhoich a thainig a mhaighistir gu dorus an stabuill. “Cha bu ghearain leam mo shaothair nam bitheadh m’ Albanach bochd romham an so an diugh.” “Tha mi ann a so, a’ mhaighistir mhaith,” ars’ esan, “agus each donn an Easbuig agam.” “Ud, a laochain, a ghille thapaidh,” ars’ a mhaighistir, “bha meas agam ort roimhe, ach tha meas mòr nis agam ort.” Rinn iad reidh an la so rìs dhol a choinneachadh an Easbuig ’us b’ e so De-haoine. “Nis,” ars’ an gille, “dh’ fhalbh mi gun each an dé, ach cha-n fhalbh mi mar sin an diugh.” “Mata, a laochain, o ’n a fhuair thu fhéin an t-each, bheir mise diollaid duit.” Dh’ fhalbh iad an la so rìs ’an coinnimh an Easbuigh, a mhaighistir ’us esan air muin dà each. Chunnaic iad an t-Easbuig a tighinn ’n an coinnimh ’us coltas a chuthaich air. ’N uair a thainig iad an lathair a chéile, chunnaic iad gun robh an t-Easbuig air muin eich eile nach robh cho maith r’a each fhéin. Chaidh an t-Easbuig ’s am Probhaisd an coinnimh a chéile le fàilte. Thionnd- [TD 267] aidh an t-Easbuig ri gille a Probhaisd, “Shlaoitir,” ars’ esan, “’us a dhearbh mheirlich.” “Cha-n urrainn thu tuilleadh a ràdh rium,” ars’ gille a Probhaisd, “cha-n ’eil fhios agam an urrainn thu sin fhéin a radh rium le ceartas, thaobh, dh’ innis mi dhuit gun robh mi dol g’a dheanamh; gun tuilleadh de do sheanachas cuir an so mo chuig ceud marg am ionnsuidhse.” B’ éigin d’a sin a dheanamh ged nach robh e toileach. “Ciod e a their thu,” ars’ an gille, “ma ghoideas mi do nighean an nochd?” ’S e aon nighean a bh’ aig ’us cho robh bu bhreagha na i ’an Lunnuin. “Mo nigheansa, a bhiasd,” ars’ an t-Easbuig, “cha ghoid thu mo nigheansa.” “Cuiridh mi,” ars’ an gille, “an cuig ceud marg a thug thu dhomh ’us an t-each donn gun goid mi i.” “Cuiridh mise deich ceud marg,” ars’ an t-Easbuig, “nach goid.” Rinn iad cordadh. Dh’ fhalbh esan ’us a mhaighistir dhathigh. “Laochain,” ars’ a mhaighistir, “bha mi a saoilsinn gu maith dhiot uaireigin, ach rinn thu tùirn amaideach a nis, ’n uair a fhuair thu thu fhéin ceart.” “Coma leibhse, a mhaighistir mhaith,” ars’ esan, “bheir mi an ionnsuidh co dhiùbh.” ’N uair thainig an oidhche, thog gille a Probhaist air, ’us chaidh e air falbh gu tigh an Easbuig. ’N uair a rainig e tigh an Easbuig, chunnaic e duine uasal ’tighinn a mach air an dorus. “Oh,” ars’ esan ris an duine uasal, “ciod e so aig tigh an Easbuig an nochd?” “Tha gnothuch mòr sònraichte,” ars’ an duine uasal, “Albanach musach tha an sud, agus e maoidheadh a nighean a ghoid. Gu dearbh cha-n ’eil gin an Albainn a ghoideas i leis an fhaire a th’ oirre.” “Uh, tha mi cinnteach nach ’eil,” ars’ an gille, agus thionndadh e uaith. “Tha fear an Sasunn an tràthsa,” ars’ esa, “a dh’ fheumas feuchainn ris co dhiùbh.” Dh’ fhalbh e, agus thug e taillearan an teaghlaich rioghail air. Dh’ fharraid e dhiubh an robh dad de dheiseachan deas aca do uaislibh mòra. “Cha-n ’eil,” ars’ an taillear, “ach deise a th’ againn do nighean an righ, agus té d’a maighdean choimheadachd.” “Ciod e,” ars’ gille a Probhaisd “dh’ iarras tu air iad sin fhéin car dà uair a dh’ ùine?” “Oh,” ars’ an taillear, “tha eagal orm nach fhaod mi an toirt duit.” “Na bitheadh eagal air bhith ort,” ars’ gille a Probhaisd, “paighidh mi thu agus bheir mi an da dheise gun bheud, gun mhillidh air an ais. Gheibh thu ceud marg,” ars’ esan. Shanntaich an taillear an t-airgiod mòr ud ’us thug e dha iad. Dh’ fhalbh e ’us fhuair e an gille bh’ aig an oidhche roimhe. Chaidh iad dh’ aite sònruichte ’s fhuair iad iad fhéin a chur ’an uidheam ’s an da dheise. Dh’ fhalbh iad ’n uair a fhuair iad iad [TD 268] fhéin cho maith ’us bu mhaith leo gu dorus an Easbuig. Fhuair e mach mun d’rainig e an dorus, ’n uair a thigeadh aon air bith do ’n teaghlach rioghal gu tigh an Easbuig, nach e an dorus a bhualadh a dheanadh iad, ach sgriob a thabhairt le barr an coise aig bonn an doruis. Thainig esan a dh’ ionnsuidh an doruis agus rinn e sgrioba. Bha dorsair aig an dorus an oidhche sin, ’us dh’ fhalbh e ’na ruith dh’ ionnsuidh an Easbuig. “Tha aon de ’n teaghlach rioghail aig an dorus,” ars’ esan. “Cha-n ’eil,” ars’ an t-Easbuig, “is e th’ ann am meirleach Albannach.” Sheall an gille troimh tholl na h-iuchrach ’us chunnaic e gur e coslas da bhean uasail a bh’ ann. Dh’ fhalbh e dh’ ionnsuidh a mhaighistir ’us dh’ innis e dha. Chaidh a mhaighistir dh’ ionnsuidh an doruis ’us sheall e fhéin. Bheireadh an gille a bha mach sgriob an tràthsa ’s a rìs, ’us e a cath-throid ris an Easbuig, ’us e ri amaideachd. Sheall an t-Easbuig ’us dh’ aithnich e gur e guth nighinn an rìgh bha ’s an dorus. Fosgailear gu grad an dorus, ’us deanar a chromaidh gu làr rithe. Bhuail nighean an rìgh ris air son a nighean chur ann an geall ’s am bith, gun robh feadhain a gabhail brath air airson a leithid a dheanamh. “Cha mhòr a b’ fhiach thu a dheanadh a leithid gun fhios domhsa, ’us cha ruigeadh tu leas a leithid a dh’ othail ’us a dh’ amaideachd a dheanamh.” “Gabhaibh sibh mo leithsgeul,” ars’ esan. “Cha-n urrainn mi do leithsgeul a ghabhail,” ars’ ise. Stigh thug e nighean an rìgh do ’n t-seòmar ’s an robh a nighean ’us an fheadhain a bha ’g a faireadh. Bha ise ’am meadhon an t-seòmair air caithir ’n a suidhe ’us càch ceithir thimchioll oirre. Ars’ nighean an rìgh rithe, “Mo ghaoil, ’s e d’ athair an duine gun tùr a chuir ’s a chunnart thu, ’us nan d’ thug e fios domhsa ’us do chuir far an robh mise, aon s ’am bith thigeadh a d’ chòir, rachadh an crochach ’us a bharrachd air sin, an losgadh. Falbh,” ars’ ise ris an Easbuig, “a ’d chodal, ’us cuiribh fa sgaoil a chuideachd mhòr so mus bi iad a magadh oirbh.” Thubhairt an t-Easbuig ris a chuideachd gum faodadh iad gabhail mu thàmh, gun d’ thugadh nighean an rìgh, ’s a maighdean choimheadachd an aire dh’ a nigheansa. ’N uair a fhuair nighean an rìgh uile gu leir air falbh iad. “Thig thusa, a nighinn mo ghaoil, cuid a riumsa gu tigh rìgh na rioghachd.” Mach a thug nighean an rìgh; bha an t-each donn goireasach aice, agus cho luath ’s a fhuair an t-Albannach mach i far an robh an t-each donn, tilgear dheth ann an àite dorch an deise. Chuir e uidheam eile air as ceann ’eudaich fhéin ’us air muin an eich chuir e i. Cuirear [TD 269] dhathigh an gille leis na deiseachan dh’ ionnsuidh an tàilleir. Phaigh e an gille ’us thubhairt e ris a choinneachadh an sud an ath oidhche. Leum esan suas air an each dhonn aig tigh an Easbuig, ’us air a thug e gu tigh a mhaighistir. Ge bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaigistir a dh’ ionnsuidh an stàbuill. “Bha esan ’us nighean an Easbuig ’n an luidhe ’n a leabaidhse, ’us dhùisg e ’n uair dh’ fhairich e a mhaighistir.” “Cha bu chall leam mo shaothair,” ars’ esan, “nam bitheadh m’ Albannach bochd romham an so an diugh.” “Eh, gu bheil mi,” ars’ esan, “agus nighean an Easbuig agam ann a so.” “Oh,” ars’ esan, “bha meas agam ort roimhe, ach a nis tha meas mòr agam ort.” Be sin De-sathuirn. Bha aige-san agus aig a mhaighistir gu dhol a choinneachadh an Easbuig an la sin cuideachd. Chaidh an t-Easbuig agus am Probhaist an coinnimh a chéile mar a b’ àbhaisd. Nam b’ olc an coltas bh’ air an Easbuig an la roimhe, bha e na bu mhios’ uile an la sin. Bha gille a Phrobhaisd ’n a each ’us ’n a dhiollaid an deigh a mhaighistir. ’N uair a thainig e far an robh an t-Easbuig cha robh aig ris ach “a mheirlich ’us a shlaoitir?” “Faodaidh tu do bheul a dhùnadh,” ars’ an gille, “cha ’n urrainn thu sin fhéin a radh rium le ceartas. Cuir a null mo dheich ceud marg an so.” Phàigh e an t-airgiod. Bha e’g a chàineadh. “Od dhuine,” ars’ esan, “leig dhiot do chaineadh, cuiridh mi an deich ceud marg riut gun goid mi thu fhéin an nochd.” “Gun goid thu mise, a bhiasd,” ars’ esa, “cha n-fhaigh thu a chead.” Chuir e an deich ceud marg ris. “Gheibh mi an deich ceud marg ud air ais,” ars’ an t-Easbuig, “ach cuiridh mise cuig ceud deug marg riut nach goid thu mise.” “Ni mi cordadh riut,” ars’ an gille. Cheangail am Probhaist am bargan eadorra. Dh’ fhalbh an gille ’us a mhaighistir dhathigh. “Laochain,” ars’ a mhaighistir, “bha meas mòr agam ort gus an diugh, caillidh tu na fhuair thu dh’ airgiod agus cha-n urrainn thu an duine ghoid.” “Cha-n ’eil eagal sam bith orm á sin,” ars’ an gille. ’N uair thainig an oidhche dh’ fhalbh esan, ’us thug e timchioll tigh an Easbuig air. “An sin smuainich e gun rachadh e far an robh iasgairean a bhaile, dh’ fheuchainn ciod e chitheadh e acasan. ’N uair a thainig e far an robh na h-iasgairean dh’ fharraid e dhiubh, an robh dad de bhradanan aca air an ùr-mharbhadh. Thubhairt iad ris gun robh. “Ma dh’ fheannas sibh,” ars’ esan, “na h-uiread so a dh’ iasg, bheir mi dhuibh na h-uiread so dh’ airgiod, no airgiod sam bith a ’s còir dha bhi.” Thubhairt na h-iasgairean [TD 270] gun deanadh, ’us rinn iad e. Thug iad dha de chroicinnean éisg na shaoil leis a dheanadh cleòchd, am faide ’us an leud a shir e. Dh’ fhalbh e an sin dh’ ionnsuidh nan tàillearan. Thubhairt e ris na taillearan, an deanadh iad deise dha de chroicinnean an éisg, a chionn dà uair dheug a st-oidhche, ’us gum faigheadh iad pàigheadh air a shon. Dh’ innis iad dha ciod e an t-suim a ghabhadh iad. Ghabh iad tomhas a ghille ’us thòisich iad air an deise. Bha an deise ullamh chionn an da uair dheug. Cha-n fhaodadh iad ’bhi na b’ fhaide; bha an Dòmhnach ’tighinn a stigh. Dh’ fhalbh e leis an deise, ’us ’n uair a fhuair e e fhéin goirid o eaglais an Easbuig chuir e uime an deise. Fhuair e iuchar a dh’ fhosgladh an eaglais ’us chaidh e stigh. Chaidh e do ’n chrannaig air ball. Sùil de ’n tug an dorsair uaith ’us faire mhòr air an Easbuig, dh’ fhalbh e, ’us thubhairt e gun robh solus ’s an eaglais. “Solus,” ars’ a mhaighistir, “rach thusa null ’us faic ciod e an solus a th’ ann.” Bha e an déigh an da uair dheug an so. “O,” ars’ an dorsair ’us e tighinn, “tha duine a’ searmonachadh ann.” Tharruing an t-Easbuig ’uaireadair ’us chunnaic e gun robh toiseach an Dòmhnaich a tighinn a stigh. Dh’ fhalbh e ’n a ruith dh’ ionnsuidh na h-eaglaise. ’N’ uair a chunnaic e an soillse bha ’s an eaglais ’us na h-uile car chuir an duine bha ’searmonachadh dheth, ghabh e eagal. Dh’ fhosgail e beagan an dorus ’us chuir e a cheann stigh dh’ fhaicinn ciod e an coltas a bh’ air. Am fear bha ’s a chrannaig cha robh cànain bha fo na rionnagan nach robh e toirt treis air. ’N uair a thigeadh e dh’ ionnsuidh na h-uile cànain a thuigeadh an t-Easbuig is ann ’cur iomchar air an Easbuig a bha e gun robh e air call a chéill. Sud stigh an t-Easbuig agus theirigear air a ghlùnan aig bonn na crannaig. Thoisich esan air asluchadh ann an sin, ’us ’n uair chunnaic e an dearsadh bha ’s a chrannaig ghabh e gu cùram leis na bha e ag radh ris. Mu dheireadh thubhairt e’ ris, nan gealladh e dhasan gun deanadh e aithreachas glan ’us gum falbhadh e leis-san gun d’ thugadh e maitheanas dha. Ghealladh an t-Easbuig sin da. “Falbh leamsa,” ars’ esan, “gus am faigh mi beagan ùine ort.” “Falbhaidh,” ars’ an t-Easbuig, “ged a b’ ann as an t-saoghal dh’ iarradh tu orm falbh.” Dh’ fhalbh e leis, ’us dh’ fhalbh an gille roimhe. Rainig iad stabull a Probhaisd. Fhuair e àite suidh do ’n Easbuig ’us chuir e ’n a shuidhe e. Shuidh e fhéin; cha ruigeadh iad a leas solus, oir bha eudach a ghille ’deanamh soluis far an robh iad. Bha e ’mìneachadh do ’n Easbuig an sin ann an canainean a thuigeadh, agus ann an cuid [TD 271] nach tuigeadh e. Bha e mar sin ach an robh an t-àm d’a mhaighistir tighinn ’s a mhaduinn. ’N uair bha an t-am teann air laimh, thilg e dheth an deise, lùb e ’us chuir e am folach i, oir bha e ris an t-soillearachd. Bha an t-Easbuig samhach an so, ’us thainig am Probhaisd. “Cha bu ghearain leam mo shaothair nam bitheadh m’ Albannach bochd romham an so an diugh.” “Eh, gu bheil mi,” ars’ esan, “an so ’us an t-Easbuig agam.” “Ud, a laochain,” ars’ a mhaighistir, “is maith a gheibhear thu.” “Oh, a dhaoir-shlaoitir,” ars’ an t-Easbuig, “’n ann mar so a rinn thu an gnothuch orm?” “Innsidh mise dhuit mar a tha,” ars’ am Probhaisd, “is fhearr dhuit deanamh gu maith air, no bhi ’g a chàineadh; tha do nighean aig, agus tha d’each aig, agus d’airgiod, agus air do shon fhéin, cha ghleidh esa thusa, ach is fhearr dhuitse esan a ghleidheadh. Thoir e fhéin ’us do nighean leat ’us dean banais dhoibh le h-eireachdeas. Dh’ fhalbh e ’us chaidh e dhathigh leis an Easbuig, ’us fhuair e e fhéin ’us a nighean a phòsadh gu ceart ’us rinn e gu maith ris. Dh’ fhàg mise an sin iad. [Beurla] [TD 272-278] [Notes] [Beurla] [TD 279-283] XLI. THE WIDOW AND HER DAUGHTERS. From Mrs. MacGeachy, Farmer’s Wife, Islay. [Beurla] [TD 284] [Beurla] A BHAINTREACH. BHA baintreach ann roimhe, ’s bha tri nigheanan aice, ’s is e na bha aice airson am beathachadh, gàrradh càil. Bha each mòr glas a’ h-uile latha ’tighinn do ’n ghàrradh a dh’itheadh a ’chàil. “Thuirt an té bu shine de na nigheanan r’a mathair theid mise d’an ghàrradh an diugh ’s bheir mi leam a chuibheal, ’s cumaidh mi ’n t-each as a’ chàl.” “Dean,” urs’ a mathair. Dh’ fholbh i mach. Thainig an t-each. Thug i ’chuigeal as a’ chuibheil ’s bhuail i e. Lean a’ chuigeal ris an each, ’s lean a làmhsa ris a’ chuigeil. Air folbh a bha’n t-each, gus an d’ rainig e cnoc uaine, ’s ghlaoidh e. “Fosgail, fosgail a chnuic uaine ’s leig mac an righ stigh. Fosgail, fosgail a chnoic uaine ’s leig nighean na baintrich a stigh.” Dh’ fhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blàth d’a casan ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh i laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la’r na mhaireach nur a dh’ eiridh esan, bha e ’dol a shealgaireachd. Thug e dh’ise iuchraichean an tighe air fad, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seombar a stigh fhosgladh ach an t-aon; air na chunnaic i riamh gun am fear sin fhosgladh; a dhinneir-san a bhi aice reidh nur a thilleadh e; ’s n’ am biodh i ’na bean mhath gum pòsadh e i. Nur a dh’ fholbh esan thòisich ise air fosglaidh nan seombraichean. A’ h-uile fear mar a dh’ fhosgladh i bha e’ dol na bu bhreagha ’s na bu bhréagha, gus an d’ thàinig i gus an fhear a bh’ air a bhacail. Their leatha dé ’dh fhaodadh a bhith ann nach fhaodadh i fhosgladh cuideachd. Dh’ fhosgail i e, ’s bha e làn do mnathan uaisle marbh, ’s chaidh i sìos gus a’ ghlùn ann am fuil. Thàinig i mach an sin, ’s bha i ’glanadh a coise, ’s ged a bhiodh i ga glanadh fathast cha b’ urrainn i mìr de ’n fhuil a [TD 285] thoirt di. Thàinig cat crìon far an robh i, ’s thuirt i rithe, na’d d’ thugadh i dh’ ise deur beag bainne, gun glanadh i ’cas cho math ’s a bha i riamh. “Thusa ’bheathaich ghrànnda! bi ’folbh romhad; am bheil dùil agad nach glan mi féin iad na ’s fheàrr na thusa?” “Seadh, seadh! leig dhuit! Chi thu dé dh’ éireas duit nur a thig e féin dachaidh!” Thàinig esan dachaidh, ’s chuir ise an dinneir air a’ bhòrd, ’s shuidh iad sìos aice. Ma’n d’ ith iad mìr thuirt esan rithe. “An robh thu a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha,” urs’ ise. “Leig fhaicinn dòmhsa do chas, ’s innsidh mi dhuit cò-aca ’bha na nach robh.” Leig i fhaicinn da an té ’bha glan. “Leig fhaicinn domh, an te eile,” urs’ esan. Nur a chunnaic e’ ’n fhuil, “O! ho!” urs’ e, ’s dh’ éiridh e, ’s ghabh e ’n tuagh, s thug e ’n ceann di, ’s thilg e ’stigh do ’n t-seombar i leis an fheadhain mharbh, eile. Chaidh e laidhe an oidhche sin, ’s mochthrath an la ’r na mhàireach dh’ fholbh e gu gàrradh na baintrich a rithisd. Thuirt an darna té de nigheanan na baintrich r’a màthair. “Théid mi mach an diugh, ’s cumaidh mi ’n t-each glas as a’ ghàrradh.” Chaidh i ’mach a’ fuaghal. Bhuail i ’rud a bha aice ’ga ’fhuaghal air an each; lean an t-aodach ris an each; ’s lean a làmh ris an aodach. Ràinig iad an cnoc. Ghlaoidh e, mur a bh’ àbhaist dha ris a’ chnoc. Dh’ fhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blàth d’a easan, ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la’r na mhàireach bha esan a’ folbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithe h-uile seombar a stigh fhosgladh, ach an aon fhear, ’s air na chunnaic i riamh gun am fear sin fhosgladh. Dh’ fhosgail i h-uile seombar gus an d’ thàinig i gus an fhear bheag, ’s air leatha dé dh’ fhaodadh a bhith anns an fhear sin na ’s motha na càch nach fhaodadh i ’fhosgladh. Dh’ fhosgail i e, ’s bha e làn de mhnathan uaisle marbha, ’s a piuthar féin ’nam measg. Chaidh i sìos ’ga glùn ann am fuil. Thainig i ’mach, ’s bha i ’ga glanadh féin, ’s thàinig an cat beag ma’n cuairt, ’s thuirt i rithe, “Ma bheir thu dhòmhsa deur crìon bainne, glanaidh mi do chas cho math ’s a bha i riamh?” Thus’ a bheathaich ghrannda! Gabh romhad! Am bheil dùil agad nach glan mi féin i na ’s fheàrr na thusa?” “Chi thu,” urs’ an cat, “dé dh’ éireas duit nur a thig e fein dachaidh.” Nur a thàinig e dhachaidh chuir ise sìos an dinneir, ’s shuidh iad aice. Thuirt esan rithe. “An robh thu a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha,” urs’ ise. “Leig fhaicinn domh do chas, ’s innsidh mi dhuit cò-aca ’bha na nach robh.” Leig i [TD 286] fhaicinn da ’chas a bha glan. “Leig fhaicinn domh an te eile,” urs’ esan. Leig i fhaicinn i. “O ho!” urs’ esan, ’s ghabh e ’n tuagh, ’s thug e ’n ceann di. Chaidh e ’laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la ’r na mhàireach, urs’ an te b’ òige r’a màthair, ’s i figheadh stocaidh, “Théid mise ’mach le m’ stocaidh an diugh, ’s fairidh mi ’n t-each glas; chi mi dé thachair do m’ dha phiuthair; ’s tillidh mi dh’ innseadh dhuibhse.” “Dèan,” urs’ a màthair, ’s feuch nach fan thu air folbh.” Chaidh i’ mach, ’s thàinig an t-each. Bhuail i ’n stocaidh air an each. Lean an stocaidh ris an each, ’s lean a làmh ris an stocaidh. Dh’ fholbh iad, ’s ràinig iad an cnoc uaine. Ghlaoidh e mar a b’ àbhaist da, ’s fhuair iad a stigh. Rinn e uisge blàth d’a casan ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sin. An la ’r na mhàireach bha e ’folbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithise na’n dèanadh i bean mhath gus an tilleadh e, ann am beagan làithean gum biodh iad pòsda. Thug e dhi na h-iuchraichean, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seombar a bha stigh fhosgladh ach am fear beag ud,—ach feuch nach fosgladh i ’m fear ud. Dh’ fhosgail i h-uile gin; ’s nur a thàinig i gus an fhear so, air leatha dé ’bhiodh ann nach fhaodadh i ’fhosgladh, na ’s motha na càch, Dh’ fhosgail i e, ’s chunnaic i ’da phiuthar marbh an sin, ’s chaidh i sìos g’a da ghlùn ann am fuil. Thàinig i mach, ’s bha i ’glanadh a cas, ’s cha b’ urrainn i mìr de ’n fhuil a thoirt diu. Thàinig an cat crìon far an robh i, ’s thuirt i rithe, “Thoir dhòmhsa deur crìon bainne, ’s glanaidh mi do chasan cho math ’s a bha iad riamh.” “Bheir a chreutair—bheir mise dhuit do dhìol bainne ma ghlanas thu mo chasan.” Dh’ imlich an cat a casan cho math ’s a bha iad riamh. Thàinig an rìgh an sin dachaidh, ’s chuir iad a sìos a dhinneir, ’s shuidh iad aice. Ma’n d’ ith iad mìr thuirt esan rithe, “An robh thusa a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha mi meadhonach,” urs’ ise, “cha ’n ’eil uaill sam bith agam r’a dhèanadh asam féin.” “Leig fhaicinn domh do chasan,” urs’ esan. “Leig i fhaicinn da ’casan. Bha thusa a’d’ bhean mhath,” urs’ esan, “’s ma leanas thu mur sin gu ceann beagan làithean bidh thu fhéin agus mise posda.” An là’r na mhàireach dh’ fholbh esan a shealgaireachd. Nur a dh’ fholbh esan thàinig an cat beag far an robh ise. “Nis innsidh mise dhuit dé ’n dòigh air an luaithe am bi thu pòsd’ air,” urs’ an cat. “Tha,” urs’ ise, “dorlach de sheana chisdeachan a stigh; bheir thu mach tri dhiu; glanaidh tu iad; their thu ris an ath oidhche gum [TD 287] feum e na tri chisdeachan sin, te ma seach dhiu, fhàgail ann an tigh do mhàthar, chionn nach ’eil feum an so orra, gu ’bheil na leòir ann as an ioghnais; their thu ris nach fhaod e gin dhiu fhosgladh air an rathad, air no ma dh’ fhosglas gum fàg thu e; gun d’ théid thu ann am bàrr craoibhe, ’s gum bi thu ’g amharc, ’s ma dh’ fhosglas e gin dhiu gum faic thu. An sin nur a théid esan a shealgaireachd fosglaidh thu ’n seombar; bheir thu ’mach do dha phiuthar; tairnidh thu ’n slachdan draoidheachd orra; ’s bidh iad cho beò, shlàn ’s a bha iad riamh. Glanaidh thu iad an sin, ’s cuiridh thu té anns gach cisde dhiu, agus theìd thu féin ’s an treas té. Cuiridh thu de dh’ airgiod agus de dh’ òr anns na cisdeachan na chumas do mhàthair agus do pheathraichean ceart r’am beò. Nur a dh’ fhàgas e na cisdeachan ann an tigh do mhathar, ’s a thilleas e, theid e ann am feirg choimheach. Folbhaidh e ’n sin gu tigh do mhàthar anns an fheirg so, ’s brisdidh e stigh an dorus. Bi thusa cùl an doruis, ’s thoir dheth an ceann leis an t-sàbh, ’s bidh e’n sin ’na mhac rìgh cho àluinn ’s a bha e riamh, ’s pòsaidh e thu. Abair ri d’ pheathraichean, ma bheir e làmh air na cisdeachan fhosgladh air an rathad iad a ghlaodhach, “Chi mi thu,” chi mi thu, “air alt, ’s gun saoil’ e gur tusa a bhios a glaodhach ’s a’ chraoibh.” Nur a thill esan dachaidh, dh’ fholbh e leis na cisdeachan, te an deigh te, gus an d’ fhàg e ’n tigh a màthar iad. Nur a thàinig e gu gleann far an robh e smaointeachadh nach fhaiceadh ise ’s a’ chraoibh e, thug e làmh air a’ chisde leigeil sìos airson faicinn dé ’bh’ innte. Ghlaoidh an te ’bha ’s a’ chisde, “Chi mi thu—Chi mi thu.” “Piseach air do ceann beag, bòidheach,” urs’ esan, “man am fad’ a chi thu.” B’e so a bu dual dha air gach siubhal gus an d’ fhàg e na cisdeachan air fad an tigh a mathar. Nur a thill e dhachaidh air an t-siubhal ma dheireadh, ’s a chunnaic e nach robh ise roimhe, chaidh e ann am feirg choimheach. Dh’ fholbh e air ais gu tigh na baintrich, ’s nur a ràinig e ’n dorus chuir e roimhe e. Bha ise ’na seasamh air cùl an doruis, ’s thug i ’n ceann deth leis an t-sàbh. Dh’ fhàs e ’n sin ’na mhac rìgh cho àluinn ’sa thàinig riamh. Chaidh e stigh an sin, ’s bha iad ann an ’s bha iad ann an toil-inntinn mhòr. Phòs e fhéin agus ise, ’s rinn iad banais aighearach shunndach. Chaidh iad dachaidh do ’n chaisteal, ’s bha iad gu math comhla, ’s fhuair a màthair ’s a peathreuchean na ’chum gu math r’am beo iad. [TD 288-289] [Notes] [Beurla] [TD 290-294] XLII. THE TALE OF THE SOLDIER. From John MacDonald, travelling tinker. [Beurla] [TD 295] [Beurla] AN SAIGHDEAR. BHA seann saighdear ann, aon uair, agus threig e ’n t-arm. Chaidh e gu mullach cnoc ’bha ’m braigh ’bhaile, agus thubhairt [TD 296] e, “Gu ma th’ ann a thig an Donas, agus mise a thoirt leis air a dhruim, an ath uair a thig mise an sealladh a bhaile so a rithist.” Bha e so a coiseachd, gus an d’ thainig e gu tigh duin’ uasail a bha ’n sin. Dh’ fheoraich Iain do ’n duin’ uasal, “Am feudadh e fantainn na thigh air an oidhche sin?” “Mata,” ars’ an duin’ uasal, “bho ’n is seann saighdear thu, agus coslas duine calma gun fhiamh na eagal na d’ ghnuis, tha caisteal ri taobh na coille sin thall, agus feuda tu fantainn ann gu latha; gheibh thu piob ’s tombaca, cuach làn uisge agus Biobull gu leubhadh.” Dur a fhuair Iain a shuipeir, thug e ’n Caisteal air. Chuir e teine mòr air, agus dar a thainig tacan do ’n oidhche thainig dithis mhnathan ruadh a steach, ’s ciste duine mhairbh eatorra! Thilg iad i ri taobh na teallaich, ’s leum iad a mach. Dh’ eirich Iain, ’s le sàil a choise, chuir e ’n ceann aiste. Tharruinn e mach seann bhodach liath, agus chuir e ’na shuidhe anns a’ chathair mhòir e: thug e piob ’s tombaca dha, agus cuach uisge, ach leig am bodach leo tuiteam air an urlar. “A dhuine bhochd,” ars’ Iain, “tha ’m fuachd ort.” Chaidh Iain ’na shìneadh ’san leabaidh, ’s dh’ fhàg e ’m bodach ga gharadh ri taobh a’ ghealbhain; ach mu ghairm choileach dh’ fhalbh e. Thainig an duin’ uasal gu math moch ’s a’ mhaduinn. “De ’n tàmh a fhuair thu, Iain?” “Tàmh maith, ars’ Iain, “cha b’e t’ athair am fear a chuireadh eagal ormsa.” “Ro mhaith, Iain; gheibh thu dà cheud pund, agus luidh a nochd ’s a’ chaisteal.” “’S mise an duin’ a ni sin,” thuirt Iain: agus air an oidhche so, b’e ’leithid cheudna. Thainig triur mhnathan ruadh, ’s ciste duine mhairbh aca eadar iad. Thilg iad suas i ri taobh na teallaich, ’s thug iad na bùinn asda. Dh’ eirich Iain ’s le sàil a choise, bhrist e ceann na ciste, ’s shlaod e aiste an seann duine liath, agus mar a rinn e an oidhche roimhe, chuir e ’s a’ chathair mhòir e. Thug e dha piob ’s tombaca, ’s leig e leo tuiteam. “A dhuine bhochd,” ars’ Iain, “tha fuachd ort.” Thug e ’n so cuach làn dibhe dha ’s leig e le so tuiteam cuideachd. “O! a dhuine bhochd, tha fuachd ort.” Dh’ fhalbh am bodach, mar a rinn e ’n oidhche roimhe. “Ach,” ars’ Iain ris fhein, “ma dh’ fhanas mis’ an so a nochd, agus gun d’ thig thusa, paidhidh tusa mo phiob, ’s mo thombaca, ’s mo chuach dhibhe. Thainig an duin’ uasal gle mhoch ’s a mhaduinn, ’s dh’ fhoighneachd e, “De ’n tàmh a fhuair thu ’n raoir, Iain?” “Tàmh math,” ars’ Iain, “cha b’e ’m bodach liath t’ athair a chuireadh eagal ormsa.” “Ach,” ars’ an duin’ uasal, “ma dh’ fhanas tu ’nochd, gheibh thu tri chèud pund.” “’S bargain e,” [TD 297] ars’ Iain. ’Nuair a bha e tacain do ’n oidhche, thainig ceathrar do mhnathan ruadha, ’s ciste duine mhairbh aca eadar iad, ’s leig iad sud sios ri taobh Iain. Dh’ eirich Iain, ’s tharruinn e ’chas, ’s chuir e ’n ceann as a chiste, ’s tharruinn e mach an seann duine liath, ’s chuir e ’s a’ chathair mhoir e. Shìn e dha piob ’s tombaca, an corn ’s an deoch, ach leig an seann duine leo tuiteam, ’s bhristeadh iad. Ach thubhairt Iain, “Ma’m falbh thusa ’nochd, paidhidh tu dhomhsa na bhrist thu,” ach facal cha d’ thainig a ceann a’ bhodaich. Ghabh Iain an so crios abarsgaic, agus cheangail e ’m bodach ri chliathaich, ’s thug e leis a luidhe e. Dar a ghoir an coileach fraoich dh’ iarr am bodach air a leigeil as. “Paidh na bhrist thu ’n toiseach,” ars’ Iain. “Innse mise dhuit mata,” ars’ an seann duine, tha seilear dibhe shios fotham, anns am bheil pailteas dibhe, tombaca ’s pioban: tha seomar beag eile laimh ris an t-seilear, anns am bheil coire làn òir, agus fo starsnaich an doruis mhoir, tha crogan làn airgiod. Chunnaic thu na mnathan ud a thainig leamsa ’nochd.” “Chunnaic,” ars’ Iain. “Well, sin agad ceathrar mhnathan bho ’n d’ thug mise na mairt, agus iad ’na n èigin; tha iad a falbh leamsa na h-uil’ oidhche mar so ga m’ phianadh; ach falbh thusa, agus innis do m’ mhac, mar tha mis’ air mo shàrachadh; falbhadh esan agus paidheadh e na mairt, agus na biodh e trom air a bhochd. Feuda tu fhein agus esan an t-òr ’s an t-airgiod a roinn eadaruibh, agus pòs fhein mo sheann nighean, ach cuimhnich thoir pailteas òir do na tha ’lathair do na bochdan, air an robh mise ro chruaidh, agus gheibh mise fois gu saoghal nan saoghal.” Thainig an duin’ uasal, agus dh’ innis Iain dha mar a dh’ innis mise dhuitse, ach cha phosadh Iain seann nighean a’ bhodaich liath. An ceann latha no dhà, cha ’n fhanadh Iain ni b’ fhaide. Lion e phòcaidean làn do ’n òr, ’s dh’ iarr e air an duin’ uasal pailteas òir a thoirt do na bochdan. Rainig e ’n tigh, ach bha e ’gabhail fadail aig an tigh, agus b’ fhearr leis bhi air ais ’san Reisimeid. Thog e air latha do na laithean, ’s rainig e ’n cnoc a bha os ceann a bhaile, bho ’n d’ fhalbh e. Ach co thainig g’a ionnsaidh ach an Donas! “Hoth! hoth! Iain, phill thu.” “Hoth! ort fhein,” ars’ Iain, “phill: co thusa.” “’S mis’ an Donas, am fear do ’n d’ thug thusa thu fhein, dar a bha thu ’n so ma dheireadh.” “Ai! ai!” ars’ Iain, “’s fada bho na chuala mi iomradh ort, ach cha n’ fhaca mi riamh roimhe thu: ’s ann a tha spleùmas air mo shuilean; cha chreid mi gur tu th’ ann idir; ach dean nathair dhiot fhein, agus creididh mi thu.” Rinn an Donas so. “Dean a nis leomhan beuch- [TD 298] dach.” Rinn an Donas so! “Cuir a nis smugaidean teine seachd mile as do dheigh agus seachd mile romhad.” Rinn an Donas so!! “Well,” ars’ Iain bho na tha mi gu bhi na m’ ghill’ agad, thig a steach na m’ abarsgaic, agus giulanidh mis’ thu; ach cha ’n fheud thu tighinn a mach gus an iarr mise, air neo tha ’m bargain briste.” Gheall an Donas, ’s rinn e’ so. “Nis,” ars’ Iain, “tha mise dol a dh’ fhaicinn brathair dhomh a tha ’san Reisimeid, ach fan thusa sàmhach.” Chaidh Iain an so a stigh do ’n bhaile, agus ghlaodh fear thall ’s fear a bhos, “So Iain an desairtair.” Chaidh beireachd air Iain ’s mòd a chuir air, agus ’se bh’ ann gu ’n robh e gu bhi air a chrochadh mu mheadhon-latha ’màireach: agus cha do dh’ iarr Iain do dh’ fhabhor, ach e bhi air a thilgeil le peileir. Thubhairt an Còirneal, “bho ’n is e seann saighdear a bh’ ann, agus e anns an arm cho fada, gu ’faigheadh e ’iarrtas.” An la’ir na mhàireach, dar a bha Iain gu bhi air a thilgeil ’s na saighdearan ceithir chuairt thimchioll air, “De sud a tha iad ag radh,” ars’ an donas, “leig mise ’nam measg ’s cha ’n fhada a bhios mi ’gan sgapadh.” “Cuist! cuist!” ars’ Iain. “Dé sin a tha bruidhinn riut?” ars’ an Còirneal. “O! cha ’n ’eil ach luch bhàn,” ars’ Iain. “Bàn na dubh i,” ars’ an Còirneal, “na leig thus’ as an abarsgaic i, ’s gheibh thu litir fhuasglaidh, ’s na faiceam tuillidh thu.” Dh’ fhalbh Iain, agus am beul na h-oidhche chaidh e stigh do shabhall far an robh dà fhear dheug a bualadh. “O! ’illean,” ars’ Iain, “so dhuibh mo sheann abarsgaic, ’s thugaibh greis bhualaidh oirre; bha i cho cruaidh, ’s gu bheil i toirt a chraicinn dheth mo dhruim.” Thug iad cho maith ri dà uair an uaireadair air an abarsgaic, leis an dà shuisd dheug, gus ma dheireadh na h-uile buille a bheireadh iad dhi, leumadh i gu mullach an t-sabhaill, ’s bha i tilgeil fear air a dhruim an dràsta ’s a rithist dheth na bualadairan. ’Nuair a chunnaic iad so dh’ iarr iad air a bhi muigh a sud, e fhein ’s abarsgaic; cha chreideadh iad fhein nach robh an Donas innte. Dh’ fhalbh e ’n sin air a thurus, ’s chaidh e steach do cheardaich, far an robh da gobha dhèug a bualadh nan òrd mòra, “So dhuibh, ’illean seann abarsgaic, ’s bheir mi dhuibh leth-chrùn, ’s thugaibh greis oirre leis an dà òrd mhòr dheug; tha i cho cruaidh, ’s gu ’bheil i toirt a chraicinn dheth mo dhruim.” Ach ge bha aoibhinn, b’ e na gobhainnan; bu mhaith an spors dhoibh abarsgaic an t-saighdeair, ach na h-uile sgailc a bha i faotainn, bha i leùm gu mullach na ceardaich. “Gabh mach a’ so thu fhein ’s ise,” ars’ iadsan, “bho ’n cha chreid sinn fhein nach eil am Bramman [TD 299] innte.” Dh’ fhalbh Iain air aghaidh mar so, ’s an Donas air a dhruim!! ’s rainig e fuirneis mhòr a bha ’sin. “Càit a nis am bheil thu dol, Iain,” ars’ an Donas. “Foighidinn beag, ’s chi thu sin,” ars’ Iain. “Leig as mi,” ars’ an Donas, “’s cha chuir mi dragh ort ’s an t-saoghal so.” “No ’san ath fhear?” ars’ Iain—“Seadh,” ars’ an Donas. “Stad mata,” ars’ Iain, “gus am faigh thu smoc,” ’s le so a radh, thilg Iain an abarsgaic ’s an Donas an teis meadhoin na fuirneis, ’s chaidh e fhein ’s an fhuirneis ’na lasair uaine anns na spèuran! [Beurla] [TD 300-302] XLIII. THE SHARP GREY SHEEP. From John Dewar, labourer, Glendaruail, Cowal. [Beurla] [TD 303] [Beurla] A CHAORA BHIORACH, GHLAS. BHA Righ agus Banrigh, agus bha nighean aca. Agus thuair a Bhanrigh bàs, agus phòs an Righ h-aon eile, agus bha Bhanrigh ma dheireadh dona ri nighean na ceud Bhanrigh, agus bhiodh i gabhail orra, agus ga cuir amach air an dorus. Chuir i a bhuachailleach nan caorach i, agus cha robh i tabhart dh’ i na dh’ fhoghnadh dh’ i. Agus bha caora bhiorach ’glas ’san treud a bha [TD 304] tighinn le biadh a’ h-ionsuidh. Bha a Bhanrigh a gabhail iongantas gun robh i fanach beo, agus nach robh i faotuinn biadh ni ’s leoir uaipe fein; agus dh’ innis i do chailleach nan cearc e. Smuainich cailleach nan cearc gun cuireadh i a nighean fein a dh’ fhaireachdainn ciamar a bha i faotinn biadh. Agus chaidh ni mhaol charach nighean chailleach nan cearc a bhuachailleachd nan caorach le nighean na Banrigh. Cha tigeadh a chaora d’a h-ionsuidh fhad ’s bha an ni’ mhaol charach an sin, ’s bha ni’ mhaol charach a’ fanach fad an la’ leatha. Bha nighean na Banrigh ’gabhail fadail arson a biadh, agus thubhairt i ri ni’ mhaol charach. “Cuir do cheann air mo ghlùn agus fasgabhaidh mi thu.” Agus chuir ni’ mhaol charach a ceann air glun nighinn na Banrigh agus choidil i. Thainig a chaora le biadh a dh’ ionsuidh nighinn na Banrigh. Ach bha an t-sùil a bh’ ann an cùl cinn nighean mhaol charach nighean chailleach nan cearc fosgailte, ’s chunnaic i na bha dol air aghaidh. Agus an uair a dhuisg i dh’ fhalbh i dhachaidh, agus dh’ innis i e d’a mathair, agus chaidh cailleach nan cearc agus dh’ innis i do’n Bhanrigh e. ’Nuair a thuig a Bhanrigh cia mar bha an nighean a faotuinn biadh cha’n fhoghnadh ni air bi dhi ach gun rachadh a chaora a mharbhadh. Thainig a chaora a dh’ ionnsuidh nighinn na Banrigh agus thubhairt i ri, “Tha iad a dol gum’ mharbhadh; ach goid thusa mo chroicinn agus truis mo chnamhan agus rol ’n am’ chroicionn iad, agus thig mi beo, agus thig mi a’d’ ìonsuidh a rìs.” Chaidh a chaora a mharbhadh, agus ghoid nighean an Righ a croicinn agus thrus i a cnàmhan agus a crodhain, agus rol i iad ’sa chroicinn; ach dhiochuimhnich i na crodhain bheaga. Thainig a chaora beo aris, ach bha i crùpach. Thainig i dh’ ionsuidh nighean an Righ ’s ceum crùpach aice ’s thubhairt i rithe. “Rinn thu mar a dh’ iarr mi ort, ach dhichuimhnich thu na crodhain bheaga.” Is bha i cumail biadh rithe an deigh sin. Bha Prionnsa òg ann a bha sealgadh, ’s a’ tighinn tric seachad orra, agus chunnaic e cho boidheach ’s bha i, ’s fharaid e, “Co i?” agus dh’ innis i dha. Agus ghabh e gaol d’ i. Agus bha e ’tighinn bidheanta an rathad. Ach thug nighean mhaol charach nighean chailleach nan cearc an aire dha agus dh’ innis i d’a mathair e. Agus chaidh cailleach nan cearc agus dh’ innis i e do’n Bhanrigh. Bha ’Bhanrigh toileach fios fhaotuinn co am fear a bh’ ann. Agus dh’ iarr cailleach nan cearc gus an d’ fhuair i mach co e, agus dh’ innis i do’n Bhanrigh. ’N uair a chuala a Bhanrigh co bh’ ann [TD 305] bha i toileach a nighean fein a chuir ’na rathad, agus thug i stigh nighean na ceud Bhanrigh, agus chuir i a nighean fein a bhuachailleachd na h’ àite, agus bha i toirt air nighean na ceud Bhanrigh a chòcaireachd agus na h-uile seirbhis a dheanamh tiomchioll an tighe. Bha nighean na ceud Bhanrigh amach sgriob, agus choinnich am Prionnsa orra, agus thug e dh’ i paidhir do bhrògan òir. Agus bha e toileach a faicinn aig an t-searmoin, ach cha leigeadh a muime leatha dol ann. Ach ’n uair a dh’ fhalbhadh càch dheanadh ise deas, agus dh’fhalbhadh i’n an deigh, agus shuidhibh i far am faicibh e i; ach dh’ éireadh i agus dh’ fhalbhadh i mun sgoileadh an sluagh, agus bhitheadh i aig an tigh, agus na h’ uile nith an ordugh mun tigeadh a muime. Ach air an treas uair a bha i ann bha am Prionnsa toileach falbh leatha, agus shuidh e dluth do’n dorus, agus, ’n uair a dh’ fhalbh ise, bha esan a cumail suil orra, agus dh’ eirich e, agus dh’ fhalbh e as a deigh. Bha ise ’ruidh dhachaidh, agus chaill i h-aon d’a brògan ’s a pholl, agus thuair esan a bhròg. Agus a chionn nach b’ urrainn dha a faicinn thubhart e gum b’e an te aig an robh cas a fhreagradh a bhrog dhi a bhean a bhitheadh aigesan. Bha a Bhanrigh toileach gu freagradh a bhrog a’n nighinn aice fein, agus chuir i nighean na ceud Bhanrigh am folach air alt ’s nach biodh i r’a fhaicinn gus am faiceadh i am freagradh a bhròg a’ nighinn fein. ’N uair a thainig am Pronnsa a dh’ fheuchainn na broig orra bha a cas tuille ’s mòr; ach bha i ro thoileach gu’ freagradh a’ bhròg i, agus bhruidhinn i ri cailleach nan cearc uime. Ghearr cailleach nan cearc bàrr nan laor d’ i ’s gun freagradh a bhròg, i, agus chaidh a bhròg orra ’n uair bha barr nan laor gearrta dhi. ’N uair a thainig la na bainnse chaidh nighean na ceud Bhanrigh chuir am folach an an cùil aig cùl an teine. ’N uair a bha an sluagh uile cruinn aig a bhanais, thainig eun chum na h’ uinneig agus ghlaodh e. “Tha an fhuil ’s a bhròig agus tha chos bhoidheach ’sa chùil aig cùl an teine.” Thubhairt h-aon diubh, “Ciod e tha am beathach ud ag radh.” Agus thubhairt a Bhanrigh, “’S comadh ciod tha am beathach ud ag radh cha ’n ’eil ann ach beathach mosach, gobach, breugach.” Thainig an t-eun arìs chum na h’ uinneig; agus an treas uair a thainig e thubhart am Prionnsa. “Theid sinn agus chi sinn ciod tha e ag radh.” Agus dh’ eirich e agus chaidh e mach agus ghlaodh an t-eun, “Tha’n fhuil ’sa bhròig ’s tha chos bhoidheach sa’ chùil aig cùl an teine.” Phill e ’stigh agus dh’ orduich e a chuil bh’ aig cul an teine iarruidh. Agus dh’ iarr iad i, agus thuair iad nighean [TD 306] na ceud Bhanrigh an sin, agus bròg òir air a darna cois. Ghlan ian an fhuil as a bhròig eile, agus dh’ fheuch iad orra i, agus bha a leith-bhreac air a chois eile. Dh’ fhàg am Prionnsa nighean na Banrigh mu dheireadh, agus phòs e nighean na ceud Bhanrigh, agus thug e leis uapa i, agus bha i sona, saoibhir, na dheigh sin. [Beurla] [TD 307-317] XLIV. THE WIDOW’S SON. From John MacPhie, South Uist, and Donald MacCraw, North Uist. [Beurla] [TD 318-332] XLV. MAC-A-RUSGAICH. From John Dewar, April 1860. [Beurla] [TD 333] SGEULACHD MHAC A RUSGAICH. BHA uaireiginn Tuathanach ann ’s bha e ro dhona ri sheirbhisich, agus tra a bhiodh an tiom-seirbhis aca dlùth air a bhith aig crioiche gheibhidh e leisgeul gu connsachadh a dheanamh riuth, thileadh e a mach riutha, s chuireadh e air falbh iad gun an tuarasdal. Agus chuir e air falbh moran do a sheirbhishich air an doigh sin. Agus bha fear pratail ann do b’ ainm Gillenaomh Mac-a-Rusgaich, ’s chual e iomradh air s thubhairt e, gun gabhadh easan tuarasdal aig an tuathanach dhoirbh, s gun tugadh e car man seach as, gum bitheadh esan cho fada ma thuath, is a bhiodh an tuathanach doirbh ma dheas. Chaidh Mac-a-Rusgaich chun faighir na feill groig, a ghabh e sràbh na bheul, mar chomharradh gu ’n robh e los muinntearas a ghabhail. Thainig an Tuathanach doiribh an rathad agus dh’ fharraid e do Mac-a-Rusgaich a’ gabhadh e muinntearas, ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich ga ghabhadh nam faigheadh e maighistear math; ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich, “Ga-dé a bhiodhs agum ri dheanamh ma ghabhas mi agut?” ’S thubhairt an tuathanach doiribh, “Bithidh agut ris a monadh a bhuachailleachd,” ’s thuirt Mac-a-Rusgaich, “Ni mi sin,” ’s thuirt an tuathnach, “’S bithidh agut ris a chrann a chumail,” ’s thuirt Mac-a-Rusgaich, “Ni mi sin.” “’S bithidh na thuibhire do gnothaichean eile agut ri dheanamh cuideachd,” ’s thuirt Mac-a-Rusgaich, “Am bi na gnothaichean sin duillich a dheanamh?” ’s thuirt am fear eile, “Cha bhì, cha ’n iarr mise ort a dheanamh ach rud a ’s urrainn duit a dheanamh. Ach cuiridh mi ’sa chumhnant, mar freagair thu, gu ’m feum thu dà thuarasdal a phaigh dhomhsa,” ’s thuirt Mac-a-Rusgaich “Cuiridh mise ann sa chumhnant ma dh’ iarras tu orm rud air bhithe a dheanamh ach rud a ’s urrainn mi a dheanamh, ga ’m feum thusa dà thuarasdal a thoirt domhsa;” ’s chòirt iad uime a sin. Agus thubhairt an tuathanach doirbh, “Tha mise a cuir ann ’sa chumhnant ma ghabhas a h-aon air bith againn an t-aithreachas, gu ’n teid iall a thobhairt as a chraicionn o chùl a chinn gu ’shàil,” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich. “Cuimhnich gun dubhairt thu sin a bhodaich,” ’s ghabh e tuarasdal aig an Tuathanach dhoirbh, ’s chaidh e dachaidh d’ a ionnsaidh. ’Se chiad obair a chaidh iarraidh air Mac-a-Rusgaich a dheanamh, e a dhol do ’n mhonadh a thilgeadh mòine, ’s dh’ iarr Mac-a- [TD 334] Rusgaich a bhiadh-maidne ma’m falbhadh e, ’s nach ruigeadh e a leas tighinn dachaidh air a shon, ’s fhuair e na bha iad a luathsachadh do bhiadh air seirbheisich aig aon trà, ’s dh’ ith e sin, ’s dh’ iarr e a dhinneir ’s nach ruigeadh e a leas stad aig meadhon latha, ’s fhuair e an luathsacha a bha air son a dhinneir, a dh’ith e sin, ’s dh’iarr e a shuipeir ’s nach ruigeadh e a leas tighinn dachaidh aig an oidhche, ’s thug iad sin da, ’s dh’ith e sin; ’s chaidh e far an robh a mhaighistear, ’s dh’ fharraid e deth, “Ciod ’s àbhaist do na seirbheisich agutsa a dheanadh an deigh an suipeir?” ’S thubhairt a mhaighistear ris, “Is àbhaist doibh an aodach a chuir diubh ’s dol a luidh,” ’s dh’ fhalbh Mac-a-Rusgaich far an robh a leaba, ’s chuir e dheth aodach ’s chaidh e a luidh. Chaidh a bhana mhaighistear far an robh fear a bhaile, ’s dh’ fharraid i deth, “Gu-dé an seorsa gille a fhuair e an siud, gu’n d’ ith e na tri tràithean a dh’ aon trà, ’s gu’n deachaidh e a luidh?” ’s chaidh a mhaighistear far an robh Mac-a-Rusgaich, ’s thubhairt e ris, “Gar son nach eil thu aig obair?” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich, “Tha gun dubhairt thu-fein rium, gu’m bè a b’ àbhaist do d’ sheirbheisich-sa dheanamh ’nuair gheibheadh iad an suipeir, an aodach a chuir diubh ’s dol a luidh, ’s thubhairt a a mhaighistear, “’S cia airson a dh’ ith thu na trì trà ’n mar chomhla?” ’s thuirt Mac-a-Rusgaich, “Thà gu’n robh na trì tràithean beag gu leoir gu duine a dheanamh sàthach,” ’s thubhairt am maighistear, “Eirich ’s rach gu t’ obair,” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich, “eiridh ach feumaidh mi mo bhiadh fhaotainn mar is cubhaidh dhomh, air neò bidh m’ obair d’a reir, cha’n ’eil orm a dheanamh ach mar is urrainn mi, feuch a bheil thu a gabhail an aireachas a bhodaich?” “Cha’n ’eil, cha’n ’eil,” orsa am bodach, ’s fhuair Mac-a-Rusgaich a bhiadh na b’ fhearr na dheigh sin. ’S bha latha eil’ ann ’s dh’ iarr am bodach air Mac-a-Rusgaich e a dhol a chumail a chroinn ann ’n dail a bha shìos bho’n tigh, ’s dh’ fhalbh Mac-a-Rusgaich ’s rainig e far an robh an crann, ’s bheir e air na uaidnean na lamhan ’s sheas e ann sin. ’S thainig a mhaighistear far an robh e, ’s thuirt a mhaighistear ris, “Cia air son nach ’eil thu a deanamh an treabhadh?” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich. “Cha’n e mo bhargan treabhadh a dheanamh, ach mi a chumail a chroinn, ’s tha thu a faicinn, cha’n ’eil mi a leigeol leatha falbh,” ’s thubhairt a mhaighistear. “Na h-uire ’s na h-uireandan ort!” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich. “Na h-uire agus na h-uireandan ort fhein a bhodaich! a bheil thu a [TD 335] gabhail an aireachais do’n bhargan a rinn thu?” “O! cha’n eil, cha’n eil,” thuirt am bodach, “ach ma bheir thu dhomh duais eil’ air a shon, ni mi treabha,” orsa Mac-a-Rusgaich. “O bheir, bheir,” orsa am bodach. ’S rinn iad bargan ùr man treabhadh.” ’S bha ann latha ’s dh’ iarr an tuathanach doiribh air Mac-a-Rusgaich, e a dhol ris a mhonadh, a shealtuinn am faicidh e nì air bith air an dochair, ’s chaidh Mac-a-Rusgaich ris a mhonadh, ’s an uair a chunnaic e a thiom fein thainig e dachaidh, s dh’ fharraid a mhaighistear deth, “An robh gach nì ceart ann sa’ mhonadh?” ’s thuirt Mac-a-Rusgaich. “Bha am monadh e fhein ceart,” ’s thuirt an tuathanach doirbh, “Cha’n è sin a tha mise a farraid ach an robh crodh nan coimhearsnaich air an taobh fein?” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich. “Mo bhà, bhà, ’s mar robh leigear dà, ’se mo bhargansa a monadh a bhuachailleachd, s gleidhidh mise am monadh, far a bheil e,” ’s thubhairt am bodach. “Na h-uire s na h-uireandan ort a bhallaich,” ’s thuibhairt esan, “Na h-uire ’s na h-uireandan ort fein a bhodaich, a bheil thu a gabhail an aireachas gu’n do rinn thu a leithid do bhargan?” “Cha’n eil, cha’n eil,” orsa an tuathanach doirbh, “bheir mi dhuit duais eile air son an crodh a bhuachailleachd,” ’s thubhairt Mac-a-Rusgaich, “Ma gheibh mise duais eile, gabhaidh mi os laimh mo chi mi crodh nan coimhearsnaich air a ghrunnd agadsa, gu’n till mi air an ais iad, agus ma chi mi do chrodhsa air grunnd nan coimhearsnaich tillidh mi air an ais iad thun do ghrunnd fein, ach ged do theid cuid diubh a chall, cha ghabh mi os laimh am faotainn, ach ma dh’ iarras tu orm dol gu’n iarraidh theid mi ann, ’s mo gheibh mi iad bheir mi dachaidh iad.” ’S cha robh aig an tuathanach dhoirbh air ach cordadh ri Mac-a-Rusgaich, ’s duais eile a thobhairt do Mac-a-Rusgaich, ’s duais eile a thoirt da air son an crodh a bhuachailleachd. Agus bha iad reidh rè grathunn n’a dheigh sin. An ath latha chaidh am bodach e fein ris a mhonadh, agus cha b’ urrainn d’a na h-aighean aig fhaicinn. Dh iarr e air an son, ach cha b’ urrainn d’a am faotuinn. Chaidh e dachaidh; s thubhairt e ri Mac-a-Rusgaich, “Is fheudar duit fein dol a dh iarraidh air son na ’n aighean a Mhic-a-Rusgaich, cha b’ urrainn mise am faotuinn an diugh, agus rach thusa gu an iarraidh, s iarr iad gus gu m faigh thu iad.” Thubhairt Mac-a-Rusgaich, “Agus c’aite an teid mise ga’n iarraidh?” [TD 336] Thubhairt am bodach, “Rach agus iarr iad anns na h-aiteachan ann san saoil thu iad a bhith, agus iarr iad ann an aiteachan ann is nach saoil thu iad a bhith.” Thubhairt Mac-a-Rusgaich, “Ni mise mar sin ma-ta.” Chaidh am bodach a stigh do ’n tigh, agus fhuair Mac-a-Rusgaich fàra, s chuir e ris an tigh e. Chaidh e a naird air an tigh, agus thòisich e air spionadh na tubhadh far an taigh, s ga thilgidh le leathad, agus ma’n d’ thainig am bodach a mach a rithisd, bha an tubhadh gu ach ro bheagan far an taigh, s na cabair lom, agus Mac-a-Rusgaich a spionadh s a tilgidh le leathad a chorr. Thubhairt am bodach, “Na h-unradh s na h-urchoidean ort a bhallaich cia-dé a thug ort an tubhadh a thoirt fàr an taigh mar sin?” Thubhair Mac-a-Rusgaich, “Tha gu m bheil mi a’g irraidh na’n aighean ann an tubhadh an taigh.” Thubhairt am bodach, “cia mar a tha thu a’g iarraidh na’n aighean ann an tubha an taigh, far am bh’eil thu cinnteach nach eil iad?” Thubhairt Mac-a-Rusgaich. “Tha gun do iarr thu fhein orm, an iarraidh far an saoilinn iad a bhith. Agus cuideachd mi gu’n iarraidh ann an aiteachan far nach saoilinn iad a bhith. Agus cha ’n eil aite air bith far an lugh a tha do shaoilsinn agamsa iad a bhith ann, na ann an tubh an taigh.” Thubhairt am bodach, “Na h-unradh agus na h-urchoidean ort a bhallaich.” Thubhairt Mac-a-Rusgaich, “Na h-unradh s na h-urchoidean ort fein a bhodaich. Am bh’eil thu a gabhail an aireachas gun d’ iarr thu orm na h-aighean iarraidh far nach saoilinn iad a bhith?” “Cha n eil, cha ’n eil, thubhairt am bodach, rach a nise agus iarr iad ann an aiteachan far am bheil a coltach gu ’m faot iad a bhith ann.” “Ni mise mar sin,” orsa Mac-a-Rusgaich. Dh fhalbh Mac-a-Rusgaich a dh iarraidh na’n aighean. Fhuair e iad, s thug e dachaidh iad. An sin, dh’ iarr a mhaighstir air Mac-a-Rusgaich, e a dhol a chuir an tubhadh air an tigh, s e a dheanamh an taigh, cho dionach gu uisge a chumail a mach is a b urrainn d’a. Rinn Mac-a-Rusgaich sin, agus bha iad reidh rè grathunn na dheigh sin. Bha an tuathanach doirbh a dol a dh’ ionnsaidh banais, ’s dh’ iarr e air Mac-a-Rusgaich, tra thigeadh am feasgar, e a chuir dìollaid air an each, ’s e a dhol a dh’ ionnsaidh tigh na bainnse, gus esan a thoirt dachaidh, ’s thubhhirt e ris, “An uair a bhithis a dlù air dà-uair-dheug, tilg damh-shuil an taobh a bhitheas mi ’s [TD 337] aithnaidh mi gu’m bheil e dlù air an am, gu dol dachaidh.” “Nì mi sin,” orsa Mac-a-Rùsgaich. Nuair a dh’ fhalbh an tuathanach thun na banais, chaidh Mac-a-Rùsgaich ’s chuir e na daimh a stigh do’n fhang, a ’s ghabh e sgian ’s thug e na sùilean asta, a’s chuir e na phòc na sùilean, ’s nuair a thainig an oidhche, chuir Mac-a-Rùsgaich an dìollaid air an each, ’s chaidh e gu tigh na bainnse a dh’ iarraidh a mhaighistear, a’s rainig e tigh na bainnse, ’s chaidh e a stigh do’n chuideachd ’s shuidh e, gus an robh a dlù air dà-uair-dheug. A’s an sin, thòisich e air tilgeadh sùil daimh air a bhodach, aig ceann gach tacan, a ’s ma dheireadh thug am bodach an aire dha; a’s thubhairt e ris, “Gu-dé a tha thu a deanamh?” ’s thubhairt Mac-a-Rùsgaich, “Tha mi a tilgeadh sùil daimh an taobh a thà thu, thun a tha e dlù air an dà-uair-dheug a nis,” a ’s thubhairt am bodach, “An saoil thu fhein gun deachaidh thu a thoirt nan sùilean as na daimh!” a ’s thubhairt Mac-a-Rùsgaich, “Cha’n ann ga shaoilsinn idir a tha mi. Tha mi cinnteach as; dh’ iarr thu fein orm mi a thilgeadh suil daimh an taobh a bhitheadh tu, a nuair a bhithidh a dlù air an dà-uair-dheug, ’s dé-mar a b’ urrainn mi sin a dheanamh, mar tugainn na sùilean as na daimh,” a ’s thubhairt an tuathanach, “Na h-uire a ’s na h-uraindean ort a bhallaich,” a ’s thuirt Mac-a-Rùsgaich, “na h-uire ’s na h-uraindean ort fhein a bhodaich, a bheil thu a gabhail aireachas, gu’n d’iarr thu orm a dheanamh?” “Cha’n eil, cha’n ’eil,” thuirt am bodach, ’s chaidh iad dachaidh comhla, ’s cha robh tuile ma dheibhinn an oidhche sin. A’s aig ceann latha na dhà na dheigh sin, dh’iarr a mhaighistear air Mac-a-Rùsgaich e a dhol an àirt thun na cath-chliathair mhullaich ’s e a dheanamh stair chasa-caorach. “Ni mi sin,” orsa Mac-a-Rùsgaich, ’s dh’ fhalbh e, a ’s chuir e na caoirich a stigh do’n fhang a ’s ghearr e na casan diubh, a’s rinn e an stair le casan nan caorach, a ’s chaidh e air ais far an robh a mhaighistear, ’s thubhairt a mhaighistear ris, “An do rinn thu siod?” ’S thubhairt Mac-a-Rùsgaich, “Rinn, faodaidh tu fein dol gu fhaicinn.” ’S chaidh am maighistear a dh’ fhaicinn an stair chasa-caorach a rinn Mac-a-Rùsgaich, a ’s a nuair a rainig e, ’s a chunnaic e casan nan caorach ann ’san stair, chaidh e air a bhresadh ’s thubhairt e, “Na huire ’s na thuraindean ort a bhallaich, gu-dé a thug ort na casan a ghearradh fàrr nan caorach?” A’s thubhairt Mac-a-Rùsgaich, “Nach d’ iarr thu fein orm stair chasa-caorach a dheanamh, ’s cia-dé mar a dheanainn stair chasa chaorach mar gearrainn na casan fàrr nan [TD 338] caoirich; feuch am bheil thu a gabhaill an aireachas gun d’ iarr thu orm a dheanamh, a bhodaich?” “Cha’n eil, cha’n eil,” thubhairt a mhaighistear. “Cia-dé a tha agam ri dheanamh a rithisd, “thuirt Mac-a-Rùsgaich. “Tha,” orsa a’ maighistear, “na h-eich ’s an stàpull a ghlanadh, a ’s a nigheadh an dà chuid a mach, agus a stigh.” A’s dh’ fhalbh Mac-a-Rùsgaich, ’s ghlan e a mach an stàpull, ’s nigh e na balladhan air an taobh a mach, a’s nigh e an stàpull air an taobh a stigh; nigh e na h-eich, a’s mharbh e iad, ’s thug e an taobh a stigh ast’, ’s nigh e an taobh a stigh aca. ’S chaidh e far an robh a mhaigbistear, ’s dh’ fharraid e cia-dé a bha aige ri a dheanamh a rithisd, ’s thubhairt a mhaighistear, ris e a chuir nan each ’nan uime ann sa chrann, ’s e thobhairt tacain air an treabhadh. Thubhairt Mac-a-Rùsgaich, “Cha fhreagair na h-eich mi.” “Cia-dé a dh’ airich iad?” orsa a mhaighistear. “Cha choisich iad air mo shon,” orsa Mac-a-Rùsgaich. “Falbh ’s feuch iad,” thuirt a mhaighistear. A ’s dh’ fhalbh Mac-a-Rùsgaich, ’far an robh na h-eich ’s chuir e crioman do h-aon diubh na bheul, ’s chaidh e air ais far an robh a mhaighistear, ’s thubhairt e, “Cha’n ’eil ach droch bhlas orra.” “Cia-dé a tha thu ag ràdh?” thuirt a mhaighistear. Chaidh am maighistear, far an robh na h-eich, ’s dra* chunna e iad a ’s an taobh a stigh air a thoirt asta, ’s iad nighte glante thubhairt e, “Cia-dé is ciall do so?” “Tha,” orsa Mac-a-Rùsgaich, “gu ’n d’ iarr thu fhein orm, an dà chuid, na h-eich a ’s an stàpull a ghlànadh agus an nigheadh an dà chuid a mach agus a stigh, ’s rinn mi sin.” “A bheil thu a gabhail an aireachais?” thubhairt Mac-a-Rùsgaich. “B’ fhearr leam nach fhaca mi riamh thu,” thubhairt am maighistear. “Ma-ta,” orsa Mac-a-Rùsgaich, “feumaidh tu trì tuarasdail a thobhairt domhsa; air neo theid iall do d’ chraicionn a thoirt o chùl do chinn, sìos gu do shàil.” Thubhairt an tuathanach doirbh, gu’m fhearr leis iall a bhi air thobhairt as a chraicionn bho chùl a chinn gu shàil, na an t-airgiod thoirt do thrusdar coltach ri Mac-a-Rùsgaich. Agus do réir an lagh, chaidh an tuathanach doirbh a cheangal a ’s iall leathan a thoirt o chùl a chinn sìos a dhruim ’s ghlaoidh e gu’m fhearr leis an t-airgiod fhein a thoirt seachad, na an iall a ghearradh na b’ fhaide, ’s phaigh e an t-airgiod, ’s b’ eiginn d’a a bhith greis foigh na lighichean, a’s cha robh e na dhuine doirbh tuile. * Dra or tra is = when. [TD 339] Na dheigh sin, chaidh Mac-a-Rùsgaich a chuir gu bhith na ghille aig famhair, a bha dona ri a sheirbheisich. Rainig Mac-a-Rùsgaich am famhair ’s thubhairt e, “Tha do ghille air tighinn.” Thubhairt am famhair, “Ma s gille dhomhsa thu, feumaidh tu comh obair a chumail rium. air neo bristidh mi do chnaimhean cho mìn ri pronnan.” Thuirt Mac-a-Rùsgaich, “Gu-dé ma dh’ fhairslichis mi ort?” “Ma dh’ fhairslichis,” thuirt am famhair, “gheibh thu do dhuais da réir.” “De a tha sinn a dol a dheanamh ma ta?” orsa Mac-a-Rùsgaich. “Thà,” orsa am famhair, “theid sinn a thobhairt dachaidh connaidh.” ’S dh’ fhalbh iad ’s rainig iad a choille, a ’s thòisich am famhair air trusadh na h-uile bun bu ghairbhe na cheile, ’s thòisich Mac-a-Rùsgaich air na th-uile bharr bu chaoile na cheile a thrusadh. Sheall am famhair air ’s thubhairt e, “Ciod a tha thu deanamh mar sin?” ’s thubhairt Mac-a-Rùsgaich, “Tha mise a los gun toir sinn a’ choille uile leinn seach a bhith a fàgail pairt d’i gun fheum ’nar deigh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn glé fhada aig an obair so, bheir sinn dachaidh na h-eallachan so, ach gheibh sinn obair eile a rithisd.” ’Se an ath obair gus an deachaidh iad dol a bhuain saidhe, a’s dh’ iarr am famhair air Mac-a-Rùsgaich, esan a dhol air thoiseach. Gheuraich Mac-a-Rùsgaich an speal agus thòisich e ’s chaidh e man chuairt ghoirid air an taobh a stigh, a ’s bha aig an fhamhair ri dol cuairt a b’ fhaide air an taobh a mach deth, “Gu-dé a thà a dheanamh mar sin?” thubhairt am famhair, “Thà,” thuirt Mac-a-Rùsgaich, “mise a los gum buain sinn a phàiric a dh-aon spaogh, an àite a bhith a tilleadh air ar n-ais, na h-uile uair a gheuraichameaid an speal, a ’s cha bhi tiom chaillte idir againn.” Chunnaic am famhair gu’m bitheadh an spaogh aigsan mòran na b’ fhaide na bhiodh spaogh Mhic-a-Rùsgaich, ’s thuirt e, “Tha sinne glé fhada aig an obair so.” Theid sinn a dh-ionnsaidh obair eile, theid sinn as buailidh sinn an t-arbhar. ’S dh’ fhalbh iad a dh’ ionnsaidh bualadh an arbhair, fhuair iad na suisteachan, thoisich iad air obair, ’s dra a bhuaileadh am famhair an sguaib, bheireadh e urra leum an aird thair an spàrr, ’s tra bhuaileadh Mac-a-Rùsgaich an sguab, laidheadh i sìos air an urlar bhualaidh, ’s theireadh Mac-a-Rùsgaich ris an famhair, “Cha’n ’eil thusa ga leath bhualadh, nach toir thu urra crùban mar a tha mise a deanamh.” Ach mar bu làidireadh a bhuaileadh am famhair, ’sann a b’ airde a leumadh an sguab, ’s bha Mac-a-Rùsgaich a’ gàiriachdaich air, a thubhairt am famhair, “Tha [TD 340] sinn glé fhad aig an obair so, feuchaidh mi air doigh eile thu. Theid sinn ’s feuchaidh sinn, cò againn is làidirich a thilgeas cloch an aodan creige, a tha air taobh thall an eas.” “Tha mi toileach,” orsa Mac-a-Rùsgaich. ’S dh’ fhalbh am famhair ’s thrus e na clachan bu chruaidh a b’ urrainn d’a fhaotuinn, a ’s chaidh Mac-a-Rusgaich ’s fhuair e crèadh, ’s rothail e na bhùill bheaga chruinn’ e, agus chaidh iad a dh’ ionnsaidh taobh an eas. Thilg am famhair clach an aodann na craige, ’s chaidh a’ chloich na criomagan, ’s thuirt e ri Mac-a-Rùsgaich, “Dean sin a bhallaich.” Thilg Mac-a-Rùsgaich dudan do an chrèadh, agus stic e ri aodan na craige, a ’s thubhairt e ris an fhamhair, “Dean siod a bhodaich.” ’S thilgeadh am famhair cho làidir is a b’urrainn e; ach mar bu mhòmh’ a chuireadh am famhair da neart leis a’ chloich a thilgeadh e, ’sann a bu mheanbhadh a bhriseadh iad, ’s ghàireadh Mac-a-Rùsgaich, ’s thilgeadh e ball beag eile do an chrèadh ’s theireadh e, “Cha’n ’eil thu ’ga leath thilgeadh, nach toir thu air a’ chloich sticeadh ann sa’ chraige mar a tha mise a deanamh.” Agus thubhairt am famhair, “Tha sinn glé fhada aig an obair so, theid sinn a ’s gabhaidh sinn air dinneir, ’s an sin, feuchaidh sinn, cò againn is fhearr a thilgeas a’ chloich neart.” “Tha mi toileach,” orsa Mac-a-Rusgaich, ’s chaidh iad dachaidh. Thòisich iad air an dinneir, a’s thubhairt am famhair ri Mac-a-Rùsgaich, “Mar ith thu do’n aran ’s do’n chàise uibhir is a dh’ ithis mise theid iall thoirt as do chraicionn bho chùl do chinn, gu do shàil.” “Dean seachd dheth,” orsa Mac-a-Rùsgaich, “air chumha ’s gu’n teid seachd iallan a thoirt as a chraicionn agudsa, bho chùl do chinn gu d’ shàil, mar ith thu uibhir a ’s a dh’ itheas mise.” “Feuch riut* ma ta,” orsa ’m famhair. “Stad ma ta gus am faigh mise deoch,” thuirt Mac-a-Rusgaich, ’s chaidh e a mach a dh’ fhaotainn deoch, agus fhuair e balg leathraich, ’s chuir e am bàlg eadar a léine ’s a chraicinn, ’s chaidh e a stigh far an robh am famhair, ’s thuirt e ris an fhamhair, “Feuch riut a nise.” Thòisich an dithis air itheadh an arain ’s a chàise. Agus bha Mac-a-Rùsgaich a cuir an arain ’s a cháise a stigh ann sa’ bhàlg a bh’ aige a stigh fo a léine; ach ma dheireadh thuirt am famhair, “Is fearr sgur na sgàine.” “Is fhearr sgàine fhein na biadh math fhàgail,” orsa Mac-a-Rùsgaich. “Sguiridh mise,” orsa am famhair. “Theid na seachd iallan * Try thyself now. [TD 341] thoirt o chùl do chinn gu do shàil,” orsa Mac-a-Rùsgaich. “Feuchaidh mi fhathast thu,” orsa am famhair. “Tha do dhà roghuinn agad,” orsa Mac-a-Rùsgaich. Fhuair am famhair gruth ’s cè, ’s lìon e cuman d’a fhein, ’s cuman eile do Mhac-a-Rùsgaich. “Feuchamaid cò againn is fhearradh an nise,” orsa am famhair. “Cha’n fhada gus am faicir sin,” orsa Mac-a-Rùsgaich. “Feuchamid cò againn is luaith a dh’ òlas na tha ann ’sa chuman.” A ’s dh’òl Mac-a-Rùsgaich a dhaoithne† aige, ’s chuir e a chuid eile ann ’sa bhalg, ’s bha e ullamh air thoiseach air an fhamhair, ’s thuirt e ris an fhamhair, “Tha thu air deireadh. “Sheall am famhair air ’s thuirt e. “Is fearradh sgur na sgaineadh.” “Is fearr sgàineadh fhein na biadh math fhàgail,” orsa Mac-a-Rùsgaich. “Theid sinn a mach a dh’ feuchainn cò againn is faide a thilgeas a chlach neart mu’n dean sinn tuile,” orsa am famhair. “Tha mi toileach,” orsa Mac-a-Rùsgaich. A ’s chaidh iad am mach far an robh a chloich; ach bha am famhair cho làn ’s nach b’ urrainn d’a cromadh gu a togail, “Tog a chloich sin agus tilg i,” orsa am famhair. “Tha onair toiseach tòiseach gu bhith agad fhein,” orsa Mac-a-Rùsgaich. Dh’ fheuch am famhair ris a’ chloich a thogail, ach cha b’ urrainn da cromadh, dh’ fheuch Mac-a-Rùsgaich ri cromadh ’s thuirt e, “Cha bhì a leithid so do bhalg a cumail bacadh ormsa.” ’S tharrainn e sgian a truaill a bha ri thaobh ’s chuir e’n sgian sa’ bhalg a bha air a bheulobh, a ’s leig e a mach na bha ann sa’ bhalg agus thuirt e, “Tha tuile rum a mach na tha stigh,” agus thog e a chloich ’s thilg e i, ’s thuirt e ris an fhamhair, “Dean sin.” “Nach tilg thu na’s faide na sin i?” orsa am famhair. “Cha do thilg thusa cho fada ri sin fhein i,” orsa Mac-a-Rùsgaich. “An nall an so da sgian,” orsa am famhair. Shìn Mac-a-Rùsgaich an sgian aige do an fhamhair, ghabh am famhair an sgian, agus stop e a stigh na bhrù i, a ’s leig e am mach am biadh, ’s thuit am famhair gu làr, ’s ghàir Mac-a-Rusgaich air, agus fhuair am famhair bàs. Chaidh Mac-a-Rusgaich a stigh do thigh an fhamhair, ’s fhuair e an t-òr a ’s an t-airgiod aige. Bha e an sin beartach, ’s dh’ fhalbh e an sin dachaidh làn thoilichte. JOHN DEWAR. [Beurla] † Until satisfied. [TD 342-343] [Notes] [Beurla] [TD 344-356] XLVI. MAC IAIN DIREACH. From Angus Campbell, quarryman, Knockderry, Roseneath. [Beurla] [TD 357] [Beurla] SGEULACHD MIC IAIN DIRICH. BHA uaireiginn Righ agus Bannrigh ann, ’s bha aca aona mhac, ach shiubhail a’ Bhan-righ agus phòs an righ bean eile. B’è an t’ ainm a bha air mac na ciad Bhannrigh Iain Direach. Bha è ’na ghille dreachmor. Bha è ’na shealgair ’s cha robh eun air an tilgeadh è a shaighead nach leagadh e. Agus mharbhadh e na feidh ’s na earbaichean aig astar mòr uaidh. Cha robh latha a rachadh e a mach le bhogha ’s a dhòrlach nach tugadh e dachaidh sithionn. Bha e aon latha ann ’sa bheinn sheilg aig sealg, ’s cha d’ fhuair e sithionn air bhith ach thainig seabhag ghorm seachad air ’s leig è saighead rithe, ach cha do rinn e ach aon iteag a chuir as a sgiath. Thog e an iteag, ’s chuir è na bholg seilg i, ’s thug e dachaidh i, ’s a nuair a thainig e dachaidh, thubhairt a mhuime ris, “C’ àite am bheil do shithionn an diugh?” ’s chuir esan a lamh a stigh na bholg seilg, ’s thug e a mach an iteag, ’s thug è d’i i. ’S ghabh a muime an iteag ’na laimh, ’s sheall i urra, ’s thubhairt i, “Tha mise a’ cuir mar chrosaibh ’s mar gheasaibh ’s mar eusaibh na bliadhna ortsa, nach bi thu gun loba a’ d’ bhròig, a’s gum bì thu gu fliuch, fuar, salach, gus gu’m faigh thu dhomhsa, an t- eun as an d’ thainig an iteag sin.” S thubhairt esan ri a mhuime; “Tha mise a cuir mar chros ’n ’s mar gheas’n a’s mar eusan na bliadhna ortsa, gum bìth thu a’d’ seasamh ’s an darna cas agad air an tigh mhòr ’s a chas eile air a’ [TD 358] Chaisteal, agus gum bi t’ aodann ri aghaidh nan siantaidhean, ga b’e gaoth a shéideas, gus gu’m pill mise air m’ ais.” ’S dh’ fhalbh Mac Iain Dirich cho luath ’sa b’ urrainn da, a dh’ iarraidh an eoin as an d’ thainig an iteag, ’s bha ’mhuime, na seasamh a’s an darna cas aic’ air a’ chaisteal, a’s a’ chas eile aic’ air an tigh mhòr, gus an tigeadh e air ais, agus, cuideachd, bha a h-aodann ri aghaidh nan sian, ga b’e aird as an séideadh a ghaoth, gus an tigeadh esan air ais a rithisd, cia air bith co fada is a bhitheadh e gu’n tighinn. Bha Mac Iain Dirich air falbh a’ siubhal nam fàsach, a sheall am faiceadh e an t-seabhaig, ach an t-seabhag cha b’ urrainn d’a fhaicinn, ’s moran na bu lugha na sin cha b’ urrainn da a faotuinn. A’s bha e a’ falbh leis fhein air feadh na fàsaich ’s e a’ tighinn dlùth air an oidhche, bha na h-eoin bheaga bhaidealach a’ dol o bhàrr nam preas, o dhos uu dos, ’s gu bun nan dris, a’ dol gu tàmh, is gad bhà cha robh esan a’ dol ann, gus an d’ thainig an oidhche dhàll dhorcha, a’s chaidh e ’s chrùbain è aig bun pris, ’s co a thainig an rathad ach an gille màirtein, ’s thubhairt e ris, “Beul-sios ort a mhic Iain Dirich, is olc an oidhche an d’ thainig thu; cha ’eil agam fhein an nochd ach aon spàg muilt, ’s aon leath-cheann caora, ach is éigin a bhith a deanadh leis.” Bheothaich iad gealbhan ’s ròist iad feoil, ’s dh’ ith iad an spòig muilt ’s an leath-cheann caora, ’s aig a’ mhaduinn, thubhairt an gille-mairtein, ri mac an righ, “A Mhic Iain Dirich, tha an t-seabhag a tha thu ag iarraidh aig famhair mòr nan cuig cinn, nan cuig mill ’s na’n cuig muineal, ’s leigidh mise fhaicinn duit far am bheil an tigh aige, agus ’s e mo chomhairle-sa dhuit thu a dhol gu a bhith nad’ ghille aige, a’s thu a bhith gu easgaidh, ealamh a dheanamh gach ni a theid iarraidh ort, a’s gach ni a theid earbaidh riut, ’s bith ra mhath ris na h-eoin aige, ’s math a dh-fhaoidt’ gun earb e riut an t-seabhag a bhiadh, ’s a nuair a gheibh thusa an t-seabhaig ri bhiadhadh, bi ra mhath rithe, gus gu ’m faigh thu fàth, an uair nach bì am famhair aig an tigh, ruith air falbh leatha, ach thoir an aire, nach bean uibhir is aon ite dh’ i do ni air bith, do na tha air taobh a stigh an taighe, air neo ma bheanas cha teid leat.” Thuirt Mac Iain Dirich gu’n thugadh e an fhaire air sin, a’s dh’ fhalbh e a dh’ ionnsaidh tigh an fhamhair. Rainig e, ’s bhuail e aig an dorus. Ghlaodh am famhair, “Co a tha ann an sin?” “Tha mise,” [TD 359] thuirt Mac Iain Dirich, “fear a tha a’ tighinn a sheall am bheil feum agad air gille.” “Dé an obair as urrainn duit a dheanamh?” orsa am famhair. “Thà,” orsa Mac Iain Dirich, “is urrainn domh eunlaidh ’s mucan a bhiadhadh, ’s bò, na gabhair, na caoirich a bhiadhadh a ’s a bleoghan.” “’S e do leithid a tha a dhìth orm,” thuirt am famhair. Thainig am famhair a mach ’s chuir e tuarasdal air Mac Iain Dirich. A’s bha e a’ tobhairt aire ra mhath air gach nì a bha aig an fhamhair, ’s bha e ra mhath ris na cearcan ’s ris na tonnagan, a’s thug am famhair an fhaire cho math is a bha e a deanamh, ’s thubhairt e gu’ m bu math a bhòrd fun a thainig Mac Iain Dirich seach mar a bha e a roimhe, gu ’m b’ fhearr leis aona chearc, do na bha è a’ faotainn an nise na dithis do na gheibheadh e roimhe, “Tha mo ghille co math, ’s gum bheil dùil agam gu’m faot mi earbadh ris an t-seabhag a bhiadhadh.” A’s thug am famhair an t-seabhag do Mhac Iain Dirich ri bhiadhadh, ’s thug e an fhaire shònraichte air an t-seabhag. ’S a nuair a chunnaic am famhair cho math is a bha Mac Iain Dirich a’ toirt aire air an t-seabhaig; bha leis gu ’m faotadh e a h-earbadh ris a nuair a bhitheadh e fhein bho ’n tigh. S thug am famhair da an t-seabhag ri gleidh, ’s bha Mac Iain Dirich a’ tobhairt an fhaire shònraichte air an t-seabhaig. Bha leis an fhamhair, gu ’n robh gach nì a’ dol gu ceart. Agus dh’ fhalbh e o’n tigh aon latha; a ’s smuaintich Mac Iain Dirich, gu ’m b’e sin an t-am gu ruith air falbh leis an t-seabhag, ’s bheir e air an t-seabhaig gu falbh leatha. A’s a nuair a bha e a’ fosgladh an doruis, is a chunnaic an t-seabhag an solus, sgaoil i a sgiathan gu leum ’s bhean barr h-aon do na itean, aig aon do na sgiathan aice do aon do ursainnean an doruis, ’s leig an ursainn sgreach as. Thainig am famhair dachaidh ’na ruith, ’s bheir e air Mac Iain Dirich, ’s thug e uaidh an t-seabhag, a’s thubhairt e ris, “Cha tugainnsa dhuit mo sheabhag, mar faighidh tu domh an claidheamh geal soluis a tha aig seachd mnathan mòra Dhiurath,” ’s chuir am famhair Mac Iain Dìrich air falbh. Chaidh Mac Iain Dìrich a rithisd troimhe an fhàsaich, ’s choinnich an gille-màirtein air, ’s thubhairt e; “Beul sios ort a Mhic Iain Dirich, cha do rinn, ’s cha dean thu mar a dh’ iarras misidh ort, is olc an oidhche an d’ thainig thu an nochd, cha ’n’eil agam ach aon spoig muilt, agus aon leth-cheann caorach, is eiginn a bhith deanamh leis.” [TD 360] Bheothaich iad gealbhan, ’s rinn iad deis an spàg muilte ’s an leth-cheann caora, ’s ghabh iad biadh ’s chadal. Agus an ath latha, thubhairt an gille-màirtean, theid sinn gu taobh a’ chuain. Chaidh iad ’s rainig iad taobh a chuain; ’s thuirt an gille-màirtean, “Cinnidh mise ann a’m’ bhàta, ’s rach thusa air bòrt orra, ’s bheir mi a null gu Diurath thu, ’s rach a dh’ ionnsaidh seachd mnathan mora Dhiurath, ’s iarr seirbhis, gu thu a bhith nad’ ghille aca, ’s tra a dh’ fharraidies iad d’ ìot, gu-dé is urrainn duit a dheanamh, abair riutha, gu’m bheil thu math air glanadh iarunn agus stàilinn, òr agus airgiod, agus gu ’n dean thu gu glan, soillear, deàrlach iad, a ’s thoir an fhaire shònraichte gu ’n dean thu gach nì gu ceart, gus gu ’n earb iad an claidheamh geal-soluis riut, ’s an uair a gheibh thu fàth, ruith air falbh leis, ach thoir an fhaire, nach bean an truaill do nì air bith air taobh a stigh an taighe, ai neo ni e sgread ’s cha teid do ghnothach leat.” Chinn an gille mairtean ’na bhàta, ’s chaidh Mac Iain Dirich air bòrd urra, ’s thainig i air tìr aig creagan nan deargan aig taobh ma thuath Dhiùrath, ’s leum Mac Iain Dìrich air tìr, ’s chaidh e a ghabhail muintireas aig seachd mnathan mòra Dhiùrath. Rainig e a’s bhuail e aig an dorus, thainig na seachd mnathan mòr a mach, ’s dh’ fharraid iad gu-dé a bha e ag iarraidh. Thubhairt e, gu ’n thainig e a sheall an robh feum aca air gille; dh’ fharraid iad deth, ciod a b’ urrainn d’a a dheanamh. Thuirt e, gu ’m b’ urrainn d’a òr ’s airgiod, na iarunn na stàilinn, a ghlanadh, ’s an deanamh gu soilleir, geal, dearrsgnuidh. Thuirt iad “Tha do leithid a dhìth oirnn,” ’s chuir iad tuarasdal air. Agus bha e ra dhichiollach rè sè seachdainean, ’s chuir e na h-uile nì an an ordugh anbharra. A ’s thug na mnathan mòr an fhaire dh’ a, ’s bha iad ag radh ri cheile. “’S e so an gille is fhearr a bha againn riamh, faotaidh sinn an claidheamh geal soluis earbadh ris.” Thug iad d’a an claidheamh geal-soluis ri ghleidh an ordugh, agus bha esan a’ toirt aire shònraichte air a’ chlaidheamh gheal-sholuis gus aon latha nach robh na mnathan mòr aig an tigh. Smuainich esan gu ’m b’ è sin an t-am dh’àsan gu ruith air falbh leis a’ chlaidheamh gheal sholuis; chuir e ann ’san truaill e, ’s thog e air a ghualainn e; ach a nuair a bha e a’ dol a mach air an dorus, bhean barr an truaill do an ard-dorus, ’s rinn an t-ard-dorus sgread, ’s ruidh na mnathan mòr dachaidh, ’s thug iad uaidh an claidheamh, ’s thuirt iad ris. Cha tugamaid duit [TD 361] nair claidheamh geal-soluis, mar faigheadh tu dhùinne an fhalaire bhuidh aig righ Eirinn. Dh’ fhalbh Mac Iain Dirich gu taobh a’ chuain, ’s choinnich an gille-màirtean air, ’s thuirt e ris, “Beul sios ort a Mhic Iain Dirich, cha do rinn ’s cha dean thu mar a dh’ iarras mis’ ort; cha ’n ’eil agam an nochd ach aon spog muilte, ’s aon leth-cheann caora, ach is eiginn a bhith a’ deanamh leis.” Bheothaich iad gealbhan, ’s roist iad feoil, ghabh iad biadh ’s bha iad subhach. An ath latha thubhairt an gille-màirtean ri Mac Iain Dirich. “Cinnidh mise ann ’m bhàrca ’s rach thusa air bòrt urra, ’s theid mi a dh’ Eirinn leat, ’s a nuair a ruigeas sinn Eirinn rach thusa ’dh’ ionnsaidh tigh an righ, as iarr seirbhis gu a bhith ann a’ d’ ghille stàpuil aige, ’s a nuair a gheibh thu sin, bith gu easgaidh, ealamh a dheanamh gach ni a tha ri dheanamh, a’s gleidh na h-eich agus an usair ann ’n òrdugh ra mhath, gus gu ’n earb an righ an fhalaire bhuidh riut, a ’s a nuair a gheibh thu fàth ruith air falbh leatha. “Ach thoir an fhaire tra a bhitheas tu ga toirt a mach, nach bean mìr air bith dh’ i, do nì air bith air taobh a stigh a’ gheata, ach bonnaibh nan cas aice, air neo cha soirbhich do ghnothach leat.” Agus an sin, chuir an gille-màirtean e fhein ann an riochd bàrca, chaidh Mac Iain Dirich air bòrd, ’s sheol a’ bhàrca leis do dh’ Eirinn, Tra a rainig iad tìr na h-Eirionn, leum Mac Iain Dirich air tìr, ’s chaidh e gu tigh an righ; ’s a nuair a rainig e an geata, dh’ fharraid fear gleidh a’ gheata d’e c’aite an robh e a’ dol, ’s thubhairt esan, gu ’n robh e a’ dol a shealltinn an robh gille stàpuil a dhìth air an righ, ’s leig fear gleidh a’ gheata seachad e, ’s rainig e tigh an righ, bhuail e aig an dorus, ’s thainig an righ a mach; agus thubhairt an righ, “De a tha thu ag iarraidh ann an so?” Thuirt esan, “Le n’ air cead, ’sann a thainig mi a shealltuinn, an robh feum agaibh air gille stàpuil.” Dh’ fharraid an righ, “Ciod a’s urrainn duit a dheanamh?” Thuirt esan, “Is urrainn mi na h-eich a ghlanadh ’s am biadhadh, a’s an usair aca ghlanadh, a’s an obair airgiod a’s an obair stàilinn a ghlanadh, agus an deanadh dearrsgnuidh.” Chuir an righ tuarasdal air; ’s chaidh e do an stàpull. ’S chuir e gach nì an òrdugh math, thug e aire mhath air na eich, bhiadh e gu math iad, ’s ghleidh e glan iad, ’s bha an craicionn aca ag amhrac slìom a’s an obair airgiod ’s an obair stailinn gu dearrsg- [TD 362] nuidh ag amhrac, ’s cha’n fhaca an righ iad cho math an ordugh riamh roimh. Agus thubhairt e, “’S e so an gille stàpuil is fhearr a bha agam riamh, faotaidh mi an fhàlaire bhuidh earbadh ris.” Thug an righ an fhàlaire bhuidh do Mhac Iain Dìrich ri ghleidh, agus thug Mac Iain Dìrich an fhaire shònraichte air an fhàlaire bhuidh, bhiadh e, ’s ghleidh e glan i, gus an robh an craicionn aice gu slìom sleamhainn, ’s i cho luath a’s gu’m fagadh i an darna gaoth, ’s gu’m beireadh i air a’ ghaoth eile. Cha’n fhaca an righ i riamh cho math. Chaidh an righ aon latha do’n bheinn sheilg; agus smuaintich Mac Iain Dìrich, gu’m b’e sin an t-am gu ruith air falbh leis an fhàlaire, chuir e na h-uìm i le srian ’s diolaid, ’s ’tra thug e a mach as an stàpull i, ’s a bha e ga toirt a mach troimhe’n gheata, thug i sguaise le a h-earbull ’s bhean barr a h-earbaill do ursainn a’ gheata, a’s leig i sgread aiste. Thainig an righ ’na ruith ’s thug e o Mhac Iain Direach an fhàlaire, agus thubhairt e ris, “Cha tugainnsa dhuit an fhàlaire bhuidh, mar faigheadh tu dhomh nighean righ na Frainge.” Agus b’ eiginn do Mhac Iain Dìrich falbh, ’s a nuair a bha e mar bheagan do thaobh na mara, choinnich an gille màirtean air, ’s thubhairt e ris, “Beul sios ort a Mhic Iain Dìrich, cha do rinn ’s cha dean thu mar a dh’iarras mise ort, is eiginn duinne an nis dol do’n Fhraing. Ni mise mi fhein ann a’m’ lòng, ’s rach thusa air bòrd, a’s cha’n fhada a bhithis mise gus an toir mi do’n Fhraing thu.” Chuir an gille-màirtean e fhein ann ’n riochd long, ’s chaidh Mac Iain Dìrich air bòrd urra, ’s sheol an gille màirtein do’n Fhraing leis, ’s ruith e a fhein an aird ri aodann craige air tìr tioram, ’s thubhairt e ri Mac Iain Dìrich e a dhol an aird gu tigh an righ a dh’ iarraidh cobhair a’s e a gh’ radh, gu ’n deachaidh an sgioba a chall, a’s an long aige a thilgeadh air tìr. Chaidh Mac Iain Dìrich gu tigh an righ, ’s bhuail e aig an dorus, thainig a h-aon a mach a dh’ fhaicinn co a bha ann, dh’ innis e a sgeul, ’s chaidh a thobhairt a stigh do ’n lùchairt; dh’ fharraid an righ dheth, cia as a bhà e, ’s gu-dé a bha e a deanamh an so. Dh’ innis e sgeul na truaighe dhaibh, gu ’n d’ thainig stoirm mhòr air, ’s gun deachaidh an sgioba a bh’ aige a chall, a’s an long a bh’ aige, a thilgeadh air tìr tioram, ’s gu ’n robh i an siod, air a cuir an aird ri aodann creige, leis na tonnan, ’s nach robh fios aige, gu-dé mar a gheibheadh e as i. [TD 363] Chaidh an righ a’s a’ Bhanrigh, ’s an teaghlach gu leir, gus a chladach, a dh’ fhaicinn na long, ’s tra bha iad ag amhrac na luing, thòisich ceol anbharra bìnn air bòrd. Agus chaidh nighean righ na Frainge, air bòrd, a dh’ fhaicinn an inneal chiùil, comhla ri Mac Iain Dìreach; ’S an uair a bhitheadh iadsan ann an aon seombar, bhitheadh an ceol ann an seombar eile; ach ma dheireadh, chualadh an ceol air clair uachdair na luinge, ’s chaidh iad an aird, air a clar uachdair na long; agus ’sann a bha an long, a mach air a’ chuan a sealladh tìr. ’S thubhairt nighean righ na Frainge, “Is olc an cleas a rinn thu orm, c’àite am bh’eil thu los dol leam?” “Thà;” thubhairt Mac Iain Dìrich, “mi a’ dol leat do dh’ Eirinn, gus do thoirt mar mhnaoidh do righ Eirinn, ’s gu’m faigh mise uaidhsan an fhàlaire bhuidh aige, gus a tobhairt do mhnathan mòra Dhiùrath, ’s gum faigh mi uapsan an claidheamh geal soluis aca, gus a thoirt do fhamhair mòr nan coig cinn, nan coig mill, ’s nan coig muinealan, ’s gu’m faigh mi uaidhsan an t-seabhag ghorm aige, gus a tobhairt dachaidh a dh’ ionnsaidh mo mhuime, ’s gu’m faigh mi saor o m’ chrosan, a’s o m’ gheasan, ’s bho dhroch eusaibh na bliadhna.” ’S thubhairt nighean righ na Frainge, “B’ fhearr leamsa, a bhith mar mhnaoidh agad fein.” Agus tra thainig iad gu tìr aig Eirinn, chuir an gille-màirtean e fein ann an riochd mnaoidh bhriagh, ’s thuirt e ri Mac Iain Dìrich, “Fàg thusa nighean righ na Frainge ann an so gus gu’n till sinn; ’s theid mise leat gu righ na h-Eirionn; ’S bheir mise a dhìol mnatha dh’a.” Chaidh Mac Iain Dìrich a’s an gille-màirtean gu tigh righ na h-Eirionn, ’s an gille-màirtean ann an riochd nighean bhriagh, ’s a laimh ann an asgailt Mhic Iain Dìrich. Tra chunnaic righ na h-Eirionn iad a’ tighinn, thainig e ’nan coinnimh, thug e a mach an fhàlaire bhuidh agus dìolaid òir air a druim, ’s srian airgiod as a ceann. Dh’ fhalbh Mac Iain Dìrich leis an fhàlaire, far an robh nighean righ na Frainge. Bha righ Eirinn ra thoilichte leis a’ mhnaoidh òg a fhuair e; ’s bha cho beag foighidin aige, is gu’n robh e a los dol a luidh leatha, ma’n d’ thainig an oidhche. Chaidh leaba a dheanamh deas daibh, ’s chaidh iad a luidh, ach is beag fios a bha aig righ Eirinn gu’m b’e an gille màirtean a bha aige. ’S cha robh iad fada nan luidh, gus an do leum an gille màirtean air an righ, ’s cha d’ fhàg e mìre feoil eadar cùl a mhuineil a’s a bhunamhàs, nach tug e dheth. [TD 364] ’S dh’ fhalbh an gille-mairtean, ’s dh’ fhàg e righ na h-Eirionn na abalach truagh leònta, ’s chaidh e ’na ruith far an robh Mac Iain Dìrich ’s nighean righ na Frainge, ’s an fhàlaire bhuidh. Thuirt an gille-màirtean, “Theid mise an riochd long, ’s rachadh sibhse air bòrd urra, ’s bheir mi gu Diùrath sibh. Dh’ fhàs e ann an riochd long, ’s chuir Mac Iain Dirich an fhàlaire bhuidh a stigh an toiseach, ’s chaidh e fhein ’s nighean righ na Frainge a stigh as a déigh. Agus sheol an gille-màirtean leo gu Diùrath ’s chaidh iad air tìr aig creagan nan deargan, aig Cille-mhoire, aig ceann mo thuath Dhiùrath. ’S tra chaidh iad air tir, thubhairt an gille-màirtean, “Fag thusa an fhàlaire bhuidh, ’s nighean an righ ann an so, gus gun till thu, ’s theid mise ann an riochd fàlaire, ’s theid mi leat gu mnathan mòra Dhiùrath, ’s bheir mis’ an diòl falaireachd dhaibh.” Chaidh an gille-màirtean ann an riochd falaire, chuir Mac Iain Dìrich an diolaid òir air a dhrim, ’s an t srian airgiod na cheann, ’s chaidh e a dh’ ionnsaidh seachd mnathan mòr Dhiùrath leis. Nuair a chunnaic na seachd mnathan mòr e a’ tighinn, thainig iad na choineamh leis a chlaidheamh gheal-sholais, ’s thug iad d’a e. Thug Mac Iain Dìrich an diolaid òir far druim a’ ghille-mhàirtean, ’s an t-srian airgiod a a cheann, ’s dh’ fhàg s-e aca e, a’s dh’ fhalbh e fhein leis a chlaidheamh gheal-sholuis, ’s chaidh e far an d’ fhàg e nighean righ na Frainge, ’s an fhalaire bhuidh a fhuair e o righ na h-Eirionn. Agus shaoil mnathan mòr Dhiùrath, gu’m b’e falaire bhuidh righ na h-Eirionn a fhuair iadsan, ’s bha cabhaig mhòr urra gu dol g’a marcachd. Chuir iad diolaid air a druim, ’s shrianaich iad a ceann, ’s chaidh té dhiubh an aird air a drim, gus a marcachd, chaidh té eile an aird air cùlabh na té sin, ’s té eile aig cùlamh na te sin, ’s bha daonnan rum air son té eile ann, gus h-aon an deigh h-aon, gu’n deachaidh na seachd mnathan mòr air druim a’ ghille-mhàirtain, ’s dùil aca gu’m b’e an fhàlaire bhuidh a bhà aca. Thug té dhiubh buille le slait do’n ghille mhàirtean, ’s ma thug, ruith, ’s roideasairich e air ais, ’s air aghaidh, leo, air feadh a mhonaidh, ’s ma dheireadh chaidh e ’na leum-ruich, an aird thun mullach monadh Dhiùrath, ’s rainig e mullach aodann na creige mòr’ a tha ann an sin, ’s chàraich e aghaidh ris a’ chreige, ’s chuir e a dhà chas toisich ri beulaobh na creige, ’s thilg e an aird a cheann deiridh ’s thilg e na seachd mnathan mòr thair a’ chreige. ’S dh fhalbh e a’ gàrachdaich, ’s rainig e far an robh Iain Direach [TD 365] ’s nighean righ na Frainge, leis an fhàlaire bhuidh, agus an claidheamh geal-soluis. Thubhairt an gille-mairtean, “Cuiridh mise mi fhein ann an riochd bàta, ’s rach fein agus nighean righ na Frainge air bòrd, a’ s thugaibh leibh an fhàlaire bhuidh, ’s an claidheamh geal soluis, ’s bheir mise gu tìr mòr sibh.” Chuir an gille mairtean e fhein ann an riochd bàta, chuir Mac Iain Dirich an claidheamh geal-soluis, ’s an fhàlaire bhuidh air bòrd, ’s chaidh e fhein ’s nighean righ na Frainge a stigh air bòrd as an deigh, ’s chaidh an gille màirtean gu tìr mòr leo. Nuair a rainig iad tìr, chuir an gille-mairtein se fhein na riochd fein, ’s thubhairt e ri Mac Iain Dirich. “Fàg thusa nighean righ na Frainge, an fhalaire bhuidh o righ Eirinn, ’s an claidheamh geal soluis, ann an sin, ’s theid mise ann an riochd claidheamh geal soluis, ’s thoir thusa a dh’ ionnsaidh an fhamhair mi, ’s thoir thusa dh’ a mi air son na seabhaig, ’s bheir mise ’dhìol claidheamh dh’a. Chuir an gille màirtean e fein an riochd claidheamh geal soluis, ’s thug Mac Iain Dirich leis e a dh’ ionnsaidh an fhamhair. ’S tra a chunnaic am famhair e a’ tighinn chuir e an t-seabhag ghorm ann am mùrlag, ’s thug e do Mhac Iain Dirich i, ’s dh’ fhalbh e leatha gus far an d’ fhàg e nighean righ na Frainge, an fhalaire bhuidh, ’s an claidheamh geal soluis. Chaidh am famhair a stigh leis a’ ghille-mhairtean ’na laimh, ’s e fhein a’ saoilsinm gu’m b’ e claidheamh geal soluis mnathan mòra Dhiùrath a bha aige. ’S thòisich e air fionnsaireachd ’s air sguaiseal leis; ach ma dheireadh, lùb an gille màirtein fhein, agus sguids e na còig cinn fàrr an fhamhair, ’s chaidh e far an robh Mac Iain Dìrich, ’s thubhairt e ris. “A Mhic Iain Dìrich, cuir an dìolaid òir air an fhàlaire, a’s an t-srian airgiod na ceann; ’s rach fein ga marcachd, a’s thoir nighean righ na Frainge aig do cùlaobh a’s an claidheamh geal soluis, ’s a chùl ri d’ shròin. Air neò mar bì thu mar sin, tra chì do mhùime thu, tha sealladh aic’ a tha cho nimh is gu’n gon i thu, ’s tuitidh tu ann a’d’ chùal chrìonaich; ach ma bitheas cùl a chlaidheimh ri d’ shròin, ’s am faobhar rithse, a nuair a dh’ fheuchas i ri do ghonadh, tuitidh i fein ’na cùal chrìonaich.” Rinn Mac Iain Dìrich mar a dh’ iarr an gille-màirtean air, ’s a nuair a thainig e an sealladh an taigh, ’s a sheall a mhuime air le sùil nimheil, ghoimheill, thuit i ’na cùal chrìonaich; ’s chuir Mac Iain Dìrich teine rithe, ’s bha e an sin saor o eagal, ’s bha [TD 366] aige a’ bhean a b’ fhearr an Albainn, ’s bha an fhàlaire bhuidh cho luath is gu’m fàgadh i an darna gaoith, ’s bheireadh i air a’ ghaoith eile, ’s chumadh an t-seabhag ghorm am pailteas sithinn ris, ’s chumadh, an claidheamh geal-soluis air falbh gach nàmhaid, ’s bha Mac Iain Dìrich gu sochdrach sona dheth. Thuirt Mac Iain Dìrich ris a’ ghilie mhàirtean, “’S è do bheatha ’ille-mhàirtean gu dol feadh mo ghrùnd ’s beothach air bith a shandaicheas tu fein a ghabhail a thoirt leat, ’s bheir mise àithne do m’ ghillean, nach tilg iad saithead, ’s nach marbh iad thu fhein na gin do d àl, ga b’e aon do an treud a bheir thu leat. Thubhairt an gille-màirtean, “Gleidh thusa do threud dhuit fhein, is iomadh fear aig am bheil muilt a’s caoirich cho math is a tha agadsa, ’s gheibh mise am pailteas feoil an àite eile gun tighinn a chuir dradh ortsa, ’s thug an gille-màirtean beannachd le Mac Iain Dìrich ’s dh’ fhàlbh e, ’s theirig an sgeul. [Beurla] [TD 367-376] [Notes] [Beurla] [TD 377-387] XLVII. FEARACHUR LEIGH. From Sutherland. [Beurla] [TD 388-392] XLVIII. THE TALE OF SGIRE MO CHEALAG. From John Campbell, Strath Gairloch, Ross. [Beurla] [TD 393] SGEULACHD SGIRE MO CHEALAG. BHA Gille og ann uair ’s chaidh e dh’ iarraidh mna do Sgire ma Chealag, agus phos e nighean tuathanaich ’s cha robh aig a h-athair ach i fhein, agus dar a thainig am buain na mòine, chaidh iad do’n bhlar mhòine ’nan ceathrar. ’S chuiradh a’ bhean og dhachaidh air thòir na diathad, agus air dol a stigh dhi chunnaic i strathair na làroch brice fos a cionn, agus thòisich i air caoineadh ’s air gradha rithe fhein, de dheanag ise na ’tuiteag an t-srathair, ’s gum marbhag e i fhein ’s na bheir a siubhal. Dar a b’ fhada le luchd buain na moine a bha e gun tighinn chuir iad a màthair air falbh a shealltainn de bha ga cumail. Nuair a ranig a’ chailleach fhuair i ’bhean og a caoine a steach, “Air tighinn ormsa,” ars’ ise, “de thainig riut?” “O,” as ise, “dar a thainig mi steach chunnaic mi strathair na làroch brice fos mo chionn ’s de dheanainn-sa na’n tuiteadh i ’s gu marbhag i mi fhein ’s na th’air mo shiubhal!” Bhuail an t-seana bhean a basan. “Thainig ormsa an diugh! na’n tachradh sin, de dheanadh tu, na mise leat!” Bha na daoine a bha ’sa bhlar mhòin’ a gabhail fadachd nach robh a h-aon do na Boireanaich a tighinn, bho’n bhuail an t-acras iad. ’Sann a dh’ fhalbh an seann duine dhachaidh, a dh’ fhaican de bha cumail nam boireannach, agus dar a chaidh e steach ’sann a fhuair e ’n dithis a’ caoineadh sa’ bas bhualadh. “Ochon,” ars’ easan, de a thainig oirbh.” “O,” arsa ’n t-seana bhean, “dar a thainig do nighean dachaidh, nach faca i strathair na làiroch brice fos a cionn, ’s de dhianag ise na ’n tuiteag i ’s gum marbhag i i fhein ’s na bheir a siubhal. “Thainig ormsa,” arsa ann seann duine ’se buala nam bas, “nan tachradh sin.” Thainig an duine og am beul na h-oidhche làn acrais, ’s thuair e triur a’ comh chaoiniadh. “Ubh, ubh,” ars’ esan, “gu de thainig oirbh.” Agus an uair a dh’ innis an seann duine dha. “Ach,” ars’ esan, “cha do thuit an t-srathair.” Nuair a ghabh e biadh chaidh e luidhe, agus anns a mhaduinn thubhairt easan, “Cha stad mo chas ach gu faic mi triur eile cho gòrrach ruibh. Dh’ fhalbh e so air feadh Sgire mo Chealag, agus chaidh e steach do thigh ann, agus cha robh duine a steach ach triur bhan, ’s iad a’ sniamh air coig cuigealan. “Cha chreid mi fhein,” ars’ easan, “gur h-ann a’ mhuintir an àite so tha sibh. “Ta,” ars’ iadsan, “cha ’n ann; cha chreid sin fhein gur ann a mhuintir an àite [TD 394] sinn fhein. “’S ann cha ’n ann,” ars’ easan. “Will,” ars’ iadsan, tha na daoine tha ’san àite so cho faoin ’s gun dobhair sinn a chreidsinn orra na h-uile ni a thoileachas sinn fhein.” “Will,” ars’ easan, “tha fàinne òir agam an so agus bheir mi e do’n te agaibh a’s fearr a bheir a chreidsin air an duine.” A cheud fhear a thainig dhachaidh do na daoine thuirt a bhean ris, “Tha thu tinn.” “Am bheil?” as eise. “O tha,” thuirt ise. “Cuir dhiot do chuid aodaich ’s bi dol a luidh.” Rinn e so; agus dar a bha e anns a’ leabaidh, thuirt i ris, “Tha thu nise marbh.” “O am bheil?” as eise. “Tha,” as ise, “dùin do shuilean ’s na gluais lamh na cas.” Agus bha e so marbh. Thainig an so an darna fear dhachaidh, agus thubhairt a bhean ris, “Cha tu th’ann.” “O nach mi,” as eise. “O cha tu,” as ise. ’S dh’ fhalbh e ’s thug e choille air. Thainig an so an trithumh fear a dh’ionnsaidh a thighe fhein, agus chaidh e fhein ’sa bhean a luidhe, ’s chaidh gairm a mach am mairoch chum an duine marbh thìolagag; ach cha robh a bhean-san a leigeil leisean eiridh dho dhol ann. Dar a chunnaic iad an giulan a’ dol seachad air an uineig dh’ fhiar i air e bhi ’g eiridh. Dh’ eirich e ’so le cabhaig mhoir ’s bha e ’g iarraidh a chuid aodaich ’s e air chall, ’s thubhairt, a bhean ris gun robh a chuid aodaich uime. “Am bheil?” as eise. “Tha,” as ise. “Greas thusa ort achd gu beir thu orra.” Dh’ fhalbh e ’so ’na chruaidh ruith, agus an uair a chunnaic cuideachd a’ ghiulain an duine lomnochd a’ tighinn, smaoinich iad gur duine e a bha as a chiall, ’s theich iad fhein air falbh, ’s dh’ fhag iad an giulan, agus sheas an duine lomnochd aig ceann na ciste mhairbh, agus thainig duine nuas as a’ choille, agus thubhairt e ris an duine bha lomnochd, “Am bheil thu dha m’ ainmin?” “Cha ’n ’eil mise,” as easan, “dha ’d tainin.” “O cha ’n ’eil; na bo mhi Tomas dh’ ainichag mo bhean fhein mi.” “Ach carson,” as easan, a tha thusa lomnochd?” “Am bheil mi lomnochd? Ma tha thubhairt mo bhean rium gun robh an t-aodach umam.” “’Se mo bhean a thubhairt riumsa gun robh mi fhein marbh,” arsa a’ fear a bha ’sa chiste. Agus an uair a chuala na daoine am marbh a’ bruidhinn thug iad na buinn asta ’s thainig na mnathan ’s thug iad dhachaidh iad, agus ’se bean an duine a bha marbh a fhuair am fàinne, agus chunnaic easan an sin triur cho gòrrach ris an triur a dh’ fhag e aig an tigh, agus thill easan dhachaidh. Agus chunnaic easan an sin bàta ’dol a dh’ iasgach, agus chunntadh da dhuine dheug a’ dol a steach do’n bhàta, agus an [TD 395] uair a thainig i gho tìr cha robh innte ach aon duine deug. ’S cha robh fios co ’a fear a bha air chall. Agus a’ fear a bha gha’n cunntag cha robh e gha chuntag fhein idir, agus bha easan a’ coimhead so. “Gu de an duais a bheir sibh dhomhsa na ’faoighinn a’ fear a tha air chall oirbh?” “Gheamh thu duais air bhith mo gheamh thu ’n duine,” thubhairt iadsan. “Dianaibh” as easan, “suidhe ri taobh a cheile ma tha.” Agus rug e air siulpan maide, agus bhuail e ’cheud fhear, “Biadhag cuimhne agadsa gu robh thu fhein innte.” Lean e air am bualadh gus an d’ fhuair e naire da dhuine dheag ’se cuir fuil gu feur orra, agus ged a bha iad pronnte agus leòinte cha robh comas air, bha iad toilichte air son gu ’n d’ fhuarag an duine bha air chall, agus air chùl paigheag ’s ann a rinn iad cuirm d’on duine a fhuair a’ fear a bha air chall. Bha loch aig tuath Sgire mo Chealag air am bitheag iad a’ cur iasg, agus ’ars esan, “’sann bo chòir dhuibh a’ loch a’ thràig gus am faigheag iad iasg ùr dhon na cuirme;” agus dar a thraog an loch cha d’ fhuarag diarg éisg air an loch ach aon Easgann mhor. Thubhairt iad an so gu ’m b’e siud a’ bhiast a dhìth an t-iasg oirra. Rug iad orra an so agus dh’ fhalbh iad leatha gu bathag ’sa mhuir; agus a nuair a chunnaic easan so, dh’ fhalbh e dhachaidh, agus air a’ rathad, chunnaic e ceathrar dhaoine a’ cur suas mart gho mullach tighe gus an itheag e feur a bha cinntin air mullach an tighe. Chunnaic e ’so gu mo daoine gun tamhuil sluagh Sgire mo Chealag. “Ach,” as easan, “de ’n duais a bheir sibh dhomhsa ’s bheir mi nuas am feur?” Chaidh e ’s dh’ iarr e feur ’s thug e do ’n mhart e agus dh’ imich e roimhe. Chunnaic e ’so duine a’ tighinn ’s mart aige ann an cairt, agus dh’ aithnich daoine a’ bhaile gur e ’goid a’ mhairt a rinn a’ fear so, agus ’s e bo chòir mòd a chur air. Mar so rinn iad, agus ’s e ’n ceartas a rinn iad an t-each a chuir gu bàs airson a bhith giùlan a’ mhairt. Agus gu diarbhag a thoir dhuibhsa gu ’m bheil an sgeulachd so fior ’se so a thug air Iain Lom am Bard a chantainn. “Mar lagh na linnibh nach mairionn A bha ’Sgire Mo Cheallag Dar a dhit iad an gearran” ’Sa mhòd. H. URQUHART. [Beurla] [TD 396-403] [Notes] [Beurla] [TD 404] XLIX. THE CAT AND THE MOUSE.* From Hector MacLean, Islay. THUIRT an luch bheag ’s i ’san toll, “Dé ’m fonn a th’ air a’ chat ghlas?” “Fonn math is deagh shaod Gum faodadh thusa tighinn a mach.” “’S mor m’ eagal romh na dubhain chrom, A th’ agad ann am bonn do chas Mharbh thu mo phiuthrag an dé ’S fhuair mi fein air eigin as.” “Cha mhis’ a bha ’sin ach cat mhic Iain Ruaigh A b’ àbhaist a bhi ruagadh chearc, Ghoid i ’n caise ’bha ’s a’ chliabh, ’S dh’ith i ’n t-iasg a bha ’s a’ phreas.” TRANSLATION. [Beurla] [TD 405] [Beurla] [TD 406-407] L. THE THREE QUESTIONS. From the Brothers MacCraw, North Uist, 1859. [Beurla] [TD 408] [Beurla] TOIMHSEACHAIN. 1. C. Co dhiubh is sine an duine na an fheusag? F. Is sine an fheusag; oir bha obair a chruthachaidh uile deanta roimh an duine, agus bha feusag air na gabhair mun robh an duine ann. 2. C. Ciod e am fiodh nach ’eil cuagach no direach? F. Min an t-saibh; cha’n ’eil i cuagach no direach. 3. C. Ciod e an rud nach fac an Cruithfhear riamh; is nach faic righrean ach anminic; agus a chi mise na h’uile latha? F. Cha’n ’eil Cruithfhear ann ach a h’aon; uime sin cha’n fhaic e coimeas da fein; cha’n eil righrean ach tearc, uime sin [TD 409] cha’n fhaic iad a cheile ach anminic; ach mise chimi mo choimeas fein na h’uile latha dh’eirears mi,—peacaich eile mar mi fein. 4. C. Bha triuir shaighdearan a tighin dachaidh air forlach, agus an triuir mhnathan aca maille riu. Thainig iad gu abhainn air an robh aisig—ach cha tugadh am bata leatha comhla ach dithis. Se a cheisd cionnus a rinn iad an t-aisig, ’s nach faodadh duine dhiu a bhean earbsa ris an duine eile gun e fein a bhi lamh rithe? F. Chaidh dithis bhan a null an toiseach; chaidh te dhiu air tir agus thainig an te ’eile air a h-ais leis a bhàta agus thug i leatha an tritheamh te. Chaidh te dhiu air a h-ais agus sheas i lamh ri ’duine fein agus thainig dithis dhaoine nam ban a bha thall air an ais leis a bhàta; chaidh fear dhiu air tir agus chaidh bean an duine a bh’anns a bhàta a steach innte maille ris agus chaidh iad gus an taobh eile. Chaidh a bhean air tir agus thainig an duine a bha thall anns a bhata; chaidh an dithis dhaoine an sin a null. Bha an sin an triuir dhaoine thall agus bean; thug a bhean so a lion te is te a null na mnathan eile. DONALD M‘DONALD. The following are a few riddles, collected by Hector MacLean; most of them from a little school-girl in Islay:— 1. Row and noise and racket About the market town, It is no bigger than a flea, An’ money it brings home. Lint seed. St-ioram starum stararaich Air feadh a bhaile mhargaidh Cha mhoth’ e na deargann Is bheir e dhachaidh airgiod. Fras lìn—Linseed. 2. Two feet down and three feet up, And the head of the living in the mouth of the dead. A man with a porridge pot on his head. [TD 410] Da ’chas shìos ’s tri chasan shuas ’S ceann a’ bheo am beul a’ mhairbh. H-aon agus poit air a cheann. 3. I see to me, over the hill, A little one with a cut in his nose, Two very long teeth in his jaw, And a tatter of tow about his tail. A hare. Chi mi thugam thar a’ bheinn Fear beag ’s beum as a shròin Da fhiacaill fhada ’na chìr ’S cirb de bhlaigh lìn ma thòin. Gearraidh. 4. I see to me, over the fall, A little curly hasty one; A tuck of his shirt under his belt, And the full of the world under his power. Death.—This portrait varies from the usual sketches. Chi mi thugam thar an eas Fear beag cuirneanach cas Cirb d’a léine fo a chrios ’S làn an t-saoghail fo a los. Am bàs. 5. I see to me, I see from me, Two miles and ten over the sea, The man of the green boatie, And his shirt sewn with a thread of red. The rainbow. [TD 411] Chi mi thugam, chi mi bhuam, Da mhìle dheug thar a’ chuain, Fear a’ choitilein uaine, Is snàthainn dearg a’ fuaghal a léine. Am bogha frois. 6. Sheep small, and very small, That have been thrice shorn of all, On the hill that is farthest out, Where every little saint will be. The stars. Caora mhion, mhionachag, Air an treas lomachag, Air an t-sliabh is fhaide muigh, Far am bi gach ionachag. Na reultan. 7. The bard, the bard, the Frenchman, Behind the house a wheezing. The nettle. (The meaning of this is not very clear.) An fhile ’n fhile Fhrangach Cul an tighe ’s sreann aice. An fheanndagach. 8. A bent crooked stick between two glens, When moves the crooked bent stick Then move the two glens. Scales and balance. [TD 412] Maide crom cam eadar da ghleann, Ma charachas am maide crom cam Carachaidh an da ghleann. Meidh is sgàlain. 9. Three red kine on the bank of the sea, That never drank a drop of the water of Alba. Three dogrose-hips. Tri ba dearga ’chois na fairge, Nach d’ òl deur do dh’ uisg’ Alba riabh. Tri mucagan failm. There seems to be a pun in this Alba of Scotland or wandering. 10. Three spotted kine under a stone, A drop of their milk never was milked. Three snakes. Tri ba breaca chois na leaca, Nach do bhleodhnadh deur d’am bainne riabh. Tri nathraichean. 11. Four shaking and four running, Two finding the way, And one roaring. A cow—feet udder, eyes, and mouth. Ceathrar air chrith ’s ceathrar ’nan riuth, Dithisd a’ deanadh an rathaid ’S h-aon a’ glaodhaich. A’ bhò. Ceithir casan, ceithir ballain, da shuil ’s a beul. 12. A little clear house, and its two doors shut. An egg. [TD 413] Tigh beag soillear ’s a dha dhorusd dùinte. Ubh. 13. Two strings as long as each other. A river’s banks. Da thaod cho fhada. Da thaobh na h-abhann. 14. Rounder than a ball, longer than a ship. A clew. ’S cruinn’ e na ball ’s fhaid’ e na long. Ceairsle. 15. I can hold it myself in my fist, And twelve men with a rope cannot hold it. An egg. Cumaidh mi fein a’m’ dhorn e, ’S cha chum da fhear dheug air ròp’ e. Ubh. 16. A great crooked stick in yonder wood, And not a thing in it, But clang bo clang. A weaving loom. Maide mor cam ’s a’ choill ud thall ’S gun aona mhìr ann Ach gliong bo gliong. Beairt fhighte. [TD 414] 17. It travels on the little meads, It travels on the midden steads, It travels on the lengthened riggs, And home it cometh late at night. The reaping hook. Siubhlaidh e na leunagan, Siubhlaidh e na breunagan, Siubhlaidh e ’n t-imire fada, ’S thig e dhachaidh anmoch. An corran buana. 18. Clean sour (salt or of the field) water without brine or salt. Water in a field.—There is a pun which cannot be rendered. Uisge glan goirt gun sàile gun salann. Uisg’ ann an claiseachan a’ ghoirt. 19. A rod in the wood of MacAlister, And neither yew nor ivory, Nor tree of wood in the universe, And the deuce take him that it measures not. A snake. Slat an coill Mhic Alasdair, ’S cha ’n iubhar i ’s cha n’ eabhar i, ’S cha chraobh de dh’ fhiodh an domhain i, ’S an deomhan air an fhear nach tomhais i. Nathair. [TD 415] 20. A black cock is in yonder town, Feather black, feather brown, Feathers twelve in the point of his wing, And more than threescore (thirsts) in his back. A bottle of whisky.—The pun is on “ite,” a feather—or thirst. Coileach dubh ’s a’ bhail’ ud thall, Ite dhubh is ite dhonn Da ite dheug am bàrr a sgeith ’S corr is tri fichead ’na dhriom. Botall uisge bheatha. 21. Guess-guess, whelp, son of the son of guessing, Twelve chains in the very middle, Four ties, guess-guess. A team of horses. Tomh tomh a chuilean ’ic ’ic Thomh. Da shlabhraidh dheug ’san teis meadhoin Ceìthir cheanghail tomh tomh. An t-seisreach. (Seisreach means, literally, a team of six horses; and this seems to be the sense of the puzzle.) 22. A little bit cogie in yonder wood, Its mouth below, and it spills no drop. A cow’s udder. Miodaran beag ’s a choill ud thall, ’S a bheul foidhe, ’s cha doirt e deur. Uth na boine. [TD 416] 23. A little gold well in the midst of this town, Three golden ends and a cover of glass. A watch. Tobaran òir am meadhon a bhaile so Trì chinn oìr is comhla ghloine ris. Uaireadair. 24. Clattering without, clattering within, A box four-cornered, and brimful of clattering. A weaver’s shuttle. Gliogaran a muigh, gliogaran a stigh, Bocsa ceithir chearnach ’s e làn ghliogaran. Spàl figheadair. 25. No bigger it is than a barleycorn, And it will cover the board of the king. The stone (apple) of the eye. Cha mhoth’ e na grainean eorna ’S comhdachaidh e bord an righ. Clach na suil. 26. A small wife come to this town, And well she makes a “drandan;” A cap of the chochullainn on, And yellow coat of blanket. A bee. Bean bheag a’ tigh ’n do ’n bhaile so, ’S gur math a ni i dranndan, [TD 417] Currachd do ’n cho chullainn urra, ’S còta buidhe plangaid. Seillean. 27. A small wife coming to this town, And creagada creag an her back, Feet on her, and she handless, And loads of chaff in her chest. A hen. Bean bheag a’ tigh ’n do ’n bhaile so, ’S creagada creag air a muin, Casan urra ’s i gun làmhan ’S ultachan càthadh ’na h-uchd. Cearc. 28. A shaving upon the floor, And well it makes a humming, A yard of the Saxon yew, And bow of the yew of France. The Fiddle. Sliseag air an urlar, ’S gur math a ni i dranndan, Slat ’n iubhar Shasunnach, A ’s bogha ’n iubhar Fhrangach. An fhidheal. 29. It came out of flesh, and has no flesh within, It tells a story without ever a tongue. A pen. Thainig e a feoil ’s cha n’ eil feoil ann Innsidh e naigheachd ’s gun teanga ’na cheann. Peann. [TD 418] 30. A golden candlestick on a two-leaved board, Guess it now, come quickly guess it. Death. Coinnlear òir air bord da shliseig, Tomhais a nis e, ’s tomhais gu clis e. Am Bàs. 31. A black horse and a brown horse, sole to sole, Swifter is the black horse than the brown. Water and the mill wheel. Each dubh is each donn bonn ri bonn, ’S luaithe ’n t-each dubh na ’n t-each donn. An t-uisge ’s roth a’ mhuilinn. 32. Twelve brethren in one bed, And no one of them at the front or the wall. Spokes of the spinning-wheel. Da bhrathair dheug ’san aon leaba, ’S gun h-aon diu aig a’ bheingidh na aig a bhalla. Roth na cuibhealach. 33. Three whales so black, so black, three whales coloured, coloured, Whale in the east, whale in the west, and punish him that guesses not. Waves. Tri mucan dubha, dubha, tri mucan datha, datha; Muc an ear, ’s muc an iar, ’s pian air an fhear nach tomhais e. Na tonnan. [TD 419] 34. A small house out in the West, And five hundred doors in it. A sieve. Tigh beag ’san aird an iar ’S coig ciad dorus air. Ruideal. 35. It is higher than the king’s house, It is finer than silk. Smoke. ’S aird e na tigh an righ, ’S mìn’ e na’n sioda. An toit. 36. The son on the house top, And the father unborn, Smoke before flame. Am mac air muin an tighe ’San t-athair gun bhreith. An toit ma’n gabh an gealbhan. 37. A man went eyeless to a tree where there were apples, He didn’t leave apples on it, and he didn’t take apples off. There were two, and he took one. Chaidh fear gun suilean ’ionnsuidh craobh air an robh ubhlan Cha d’ fhag e ubhlan urra ’s cha d’ thug e ubhlan dith. ’Se da ubhal a bh’ air a’ chraoibh ’s thug e h-aon leis. [TD 420] 38. Totaman, totaman, little black man, Three feet under, and bonnet of wood, (A potato) pot with the lid in. Totaman, totaman, duine beag dugh, Tri chasan foidhe, agus boinneid air de dh’ fhiodh. Poit agus brod innte. 39. I went to the wood and I sought it not, I sat on a hill and I found it not, And because I found it not, I took it home with me. A thorn in the foot. Chaidh mi ’n choille ’s cha d’ iarr mi e, Shuidh mi air cnoc ’s cha d’ fhuair mi e, ’S o’n nach d’ fhuair mi e thug mi leam dachaidh e. Bior ann an cois. 40. A waveless well, it holds its fill of flesh and blood. A tailor’s thimble. Tobar gun tonn, cumaidh e ’làn de dh’ fhuil ’s de dh’ fheoil. Meuran tailleir. 41. Blacky, blacky, out at the door and a human bone in her mouth. A shoe on a foot. Dubhag, dubhag mach an dorusd ’s cnaimh duine ’na beul. Bròg air cois. 42. Red below, black in the middle, and white above. Fire, griddle, and oatcake. [TD 421] Dearg foidhe, dugh ’na mheadhon, ’s geal as a chionn. An gealbhan, a’ ghreideal, ’s an t-aran. 43. I can go over on a bridge of glass, And I can come over on a bridge of glass, And if the glass bridge break, There’s none in Islay, nor in Eirinn, Who can mend the bridge of glass. Ice. Theid mi nunn air drochaid ghloine, ’S thig mi nall air drochaid ghloine ’S ma bhrisdeas an drochaid ghloine Cha ’n ’eil an Ile na ’n Eirinn Na chàras an drochaid ghloine. Eitheandach. 44. A brown stag in the hill, and his ear on fire. The gun. Damh donn ’s a’ bheinn ’s a chluas ra theinidh. An gunna. 45. I will go out between two woods, And I will come in between two lochs. A pair of pails. Theid mi mach eadar dha fhiodh, ’S thig mi stigh eadar dha loch. Na cuinneagan. 46. A green gentlewoman behind the door. A broom, usually made of a bunch of some plant. Bean uasal uaine cùl an doruisd. An gais sguabaidh. [TD 422] 47. Wiggle waggle about the river, Iron its head, horse its neck, Man its tail. A fishing-rod. Driobhal drabhal feadh na h-abhann, iarunn a cheann each a mhuineal duin’ a thòn. Slat iasgaich. 48. A sharp sharp sheep, and her entrails trailing. A big needle. Caora bhiorach bhiorach, ’s a mionach slaodadh rithe. Snathad mhor. 49. A red red sheep, red mad. The tongue. Caora dhearg dhearg, air an dearg choitheach. An teanga. 50. I have a puzzle for thee: It isn’t thy hair, and it isn’t thy locks, It isn’t a bit of the bits of thy trunk, It is upon thee, and thou art no heavier. The man’s name.—The Gaelic expression being, “What name is upon thee?” Tha toimhseagan agam ort, Cha n’ e t-fhionna ’s cha ’n e t-fhalt, Cha n’ e ball de bhallaibh do chuirp, S tha e ort ’s cha truimid thu e. Ainm duine. [TD 423] Got these puzzles, riddles, or toimseagain, from Flora MacIntyre, and a little girl, Catherine MacArthur, at Ballygrant, twelve years of age. GLOSSARY. AIR AN T-SLIABH IS FHAIDE MUIGH, the farthest off hill or mountain. BEUM, a piece or bit. BLAIGH LIN, linen cloth. BREUNAGAN; this word may mean every filthy piece of ground over which the sickle passes. CATHADH, gen. of càith, corn seeds. CIR, the fore-part of the jams. COITILEAN, a garment somewhat of one piece, serving as the whole clothes; or perhaps a little boat or skiff, which suggests the form of the rainbow. CAS, fast. CUIRNEANACH, curled or ringlets. FHILE or Ile, or perhaps eibheal or eibhle, an ember. IONACHAG may be aonachag, from aon, a solitary little thing. LOMACHAG, a bareness, from lom. LOS, power of destruction. It will be observed that these riddles are all of a peculiar kind, such as the well known— “Polly with a white pettiecoat and a red nose, The longer she stands, the shorter she grows.” J. F. C. [TD 424-439] LI. THE FAIR GRUAGACH, SON OF THE KING OF EIRINN. From Alexander MacNeill, fisherman, Ten Tangval, Barra. [Beurla] [TD 440] AN GRUAGACH BAN, MAC RIGH EIREANN. DH’ FHALBH an Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann, le mhòr-chuideachd, a chumail cùirt agus cuideachd ris fhìn. Choinnich boireannach e ris an canadh eud, bean a chaol chot’ uaine. Dh’ iarr i air treis suidhe dh’ iomairt air chairtean, agus shuidh eud a dh’ iomairt air na cairtean, agus chuir an Gruagach bàn an cluichd air bean a chaol chòt uaine. “Iarr toradh de chluichd,” ursa bean a chaol chot’ uaine. “Cha ’n ’eil mi smaointeachadh gom bheil toradh agad—cha ’n ’eil mi fhin fiosrach air,” urs’ an Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann. “Am màireach bidh thu aunn an so, agus coinneachaidh mis’ thu,” ursa bean a chòta chaoil uaine. “Bithidh,” urs’ an Gruagach bàn. An la ’r na mhàireach choinnich e i. Agus thòisich eud air na cairtean, agus bhuidhinn is’ an cluichd. “Iarr toradh de chluichd,” urs’ an Gruagach bàn. “Tha mi,” ursa bean a chaol chòt’ uaine, “’ga d’ chur fo gheasan agus fo chroisean, fo naoidh buaraiche mnatha sìthe, siùbhlaiche, seachranaiche; an laogh beag is meata ’s is mi-threòraiche ’thoirt do chinn, ’s do chluas, ’s do chaitheadh-beatha dhìot; mu ni thu tamh oidhche na latha, far an gabh thu do bhraiceas nach gabh thu do dhinneir, agus far an gabh thu do dhinneir nach gabh thu do shuipeir, ge b’e àit ’am bi thu, gos am faigh thu ’mach ge b’e àit am bi mise fo cheithir ranna ruadha ’m t-saoghail. Thug i nèapaigin as a pòca, ’s chrath i e, ’s cha robh fhios co’n taobh a ghabh i na as an d’ thàinig i. Chaidh esan dachaidh go trom-inntinneach, dugh-bhrònach. Chuir e uileann air a’ bhòrd ’s a làmh fo a leithcheann, ’s lig e osann as. “Dé sin ort a mhic;” ursa Rìgh Eireann. “An aunn fo gheasan a tha thu? Ach na biodh umhail agad diu, togaidh mise do gheasan diat. Tha ceàrdach air tìr agam agus luingeas air muir. Fad ’s a mhaireas òr na airgiod domhsa, stochd na iondas, cuiridh mi g’a t’ fhuasgladh e, gos an tog mi na geasan so diat.” “Cha chuir,” urs’ esan; “agus m’ athair tha thu gòrrach. Cuiridh tusa sin air falbh uait fhìn, agus caillidh tu na bhios an sin. Cha tog thu na geasan. Théid do rìoghachd go dìth ’s go bochdainn, agus cha tog sin na geasan, agus caillidh tu do chuid daoine. Ach gléidh thusa do chuid daoin’ agad fhin; ’s ma dh’ fhalbhas mise cha bhi dhìth orm ach mi-fhìn.” [TD 441] ’Se bh’ aunn aunns a’ mhadainn an la ’r na mhàireach, dh’ fhalbh e gon chù, gon duine, gon laogh, gon leanabh. Bha e’ falbh agus a’ falbh, ’s ag astarachadh. Bha dughadh air a bhonnaibh agus tolladh air a bhrògan; neòil dhugha na h-oidhch’ a’ tighinn, agus nèoil gheala, shéimhidh an latha ’falbh, ’s gon e faighinn aite stad na tàmh da. Thug e seachduin o cheaunn go ceaunn gon tigh na caisteal fhaicinn, na gon sgath. Bha e air fàs dona, gon chadal, gon tàmh, gon bhiadh, gon deoch, a’ coiseachd fad na seachduin. Thug e sealladh uaidh, ’s de chnnnaic e ach caisteal! Ghabh e a ’ionnsuidh, ’s ghabh e mu ’n cuairt air. Cha d’ fhuair e urad ri toll tora de dh’ fhosgladh air an tigh. Thuit a dhudam agus a dhadam air le trioblaid agus le allaban; agus thill e go trom-inntinneach, dugh-bhrònach. Bha e ’gabhail suas roimhe, agus de chual e ach eubh as a dhéigh—“A Ghruagach bhàn, Mhic Righ Eireann till; tha cuirm la a’s bliadhna feitheamh ort, am biadh nach smaointich thu ’s an deoch nach smaointich thu! am biadh a smaointeachas thu ’s an deoch a smaointeachas thu!” Thìll e. Bha dorusd mu choinneamh a h-uile latha ’s a’ bhliadhn air an tigh, ’s bha uinneag mu choinneamh h-uile latha ’s a’ bhliadhna air; bha e ’na ioghnadh mòr leis, an tigh a chaidh e fhìn mu ’n cuairt air, ’s gon urad agus toll tora de dh’ fhosgladh air, uinneag agus dorusd a bhith air mu choinneamh h-uile latha ’s a’ bhliadhna, nur a thill e! Thug e stigh air. Chuireadh biadh an àit’ a chaitheadh, deoch an ait’ a h-òl, agus ceòl an ait’ éisdeachd. Agus bha eud a’ caitheadh na cuirm agus na cuideachd, e fhin agus an nighean bhriagh a dh’ eubh as a dhéigh, aunns a’ phàileas. Rinneadh leaba le ceaunn adhart dha aunns a’ chaisteal, ’s lag ’na builsgein. Chuireadh burn blàth air a chasan, ’s chaidh e ’laidhe. Nur a dh’ éiridh e ’n la ’r na mhàireach bha ’m bòrd air cur thairis leis gach biadh a b’ fheàrr, agus bha e mur so ri ùine, ’s gon e ’mòth’chainn na h-ùine ’dol seachad. Sheas is’ aunns an dorusd. “A Ghruagach bhàn, Mhic Rìgh Eireann, de ’n staid aunns am bheil thu’ ga t’ fhaotainn fhìn na démur tha thu?” urs’ ise. “Nighean a chaisteil, tha mì go math,” urs’ esan. “Am bheil fios agad de ’n uin’ o thàinig thu ’n so?” urs’ ise. “Tha mi smaointeachadh go ’n slànaich mi seachduin, mu bhios mi aunn an diugh,” urs’ esan. “Tha ràithe mach dìreach an diugh,” urs’ ise. “Cha d’ théid do bhiadh, no do dheoch, na do leaba, mìr na ’s miosa na tha eud gos an togair thu tilleadh dhachaidh.” Bha e ’n sin leis fhìn gos an robh e smaointeachadh [TD 442] gon robh mias aige ’mach. Aig an am so sheas ise ’san dorusd. “Seadh a Ghruagach bhàn, demur a tha thu’ ga t’ fhaighinn an diugh?” urs’ ise. “Gle mhath,” urs’ esan. “De ’n inntinn aunns am bheil thu ’ga t’ fhaotainn fhìn?” urs’ ise. “Innsidh mi sin duit,” urs’ esan. “Na’m b’ urrainn mo dhà làmh ruighinn air a’ bheinn bhioraich ’ud shuas, gon cuirinn air muin na beinn mhaoil ’ud eil’ i.” “Am bheil fios agad de ’u ùin’ o’ thàinig thu ’n so?” urs’ ise. “Tha mi smaointeachadh gon do shlànaich mi mias aunn,” urs’ esan. “Tha ceaunn an da bhliadhna dìreach a mach,” urs’ ise. “Cha chreid mi e, air uachdar an t-saoghail, gon d’ thàinig aon duine ’gheibheadh buaidh orm fhin ann an spionnadh na ’n aotromachd,” urs’ esan. “Tha thu gòrrach,” urs’ ise, “Tha buidheann bheag an so ris an can eud an Fhìnn, ’s gheibh eud buaidh ort; cha d’ thàinig am fear air nach fhaigh eud buaidh.” “Gréim cha ’n ith mi, deoch cha ’n òl mi, cadal cha d’ théid air mo shùil, gos an ruig mi far am bheil eud, ’s gos am bi fhios agam cò eud,” urs’ esan. “A Ghruagach bhàn na bi cho gòrrach, agus lig seachad an fhaoineis sin as do cheaunn. Fan mur a tha thu, ’s fios agam gon till eud thu,” urs’ ise. “Tàmh oidhche na latha cha dian mi gos an ruig mi eud,” urs’ esan. “Tha latha bog, ceòthar aunn an diugh,” urs’ ise, “agus tha thu ’cur romhad gom falbh thu. Tha ’n Fhìnn ’na leithid so de dh’ àite, agus lian ac ag iasgach bric. Gabhaidh tu null far am bi eud. Chi thu ’n Fhìnn air an darna taobh, ’s Fionn na ònrachd air an taobh eile. Gabhaidh tu far am bi e, agus beannachaidh tu dhà. Beannachaidh Fionn duit aunns an dòigh chiadhna. Iarraidh tu cosnadh air. Abraidh e nach ’eil cosuadh aige dhuit an dràsd, gom bheil an Fhìnn glé làidir, ’s nach cuir e duine ’mach. Abraidh e de ’n t-ainm a th’ ort. Freagraidh tus’ an sin, t’ ainm nach do cheil thu riabh, an Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann. Abraidh Fionn an sin, Gad a bhithinn-sa gon duine dhìth démur nach d’ thugainn cosnadh do mhac t’ athar sa; ach na bi mòr-fhaclach am miosg nam Fianntan. Thalla nis agus gheibh thu nèapaigin a tha ’n so, agus bheir thu leat e, agus abraidh tu ri Fionn, co ’ca bhios thusa beò na marbh do chur aunn nur a thig feum air.” Dh’ fhalbh e agus ràinig e far an robh ’n Fhìnn. Chunnaic e eud an sin ag iasgach bric, càch air an darna taobh, ’s Fionn air an taobh eile na ònrachd. Chaidh e far an robh Fionn, agus bheannaich e dha. Bheannaich Fionn dàsan aunn am briathran nach bo mhiosa. “Chuala mi gon robh ’ur leithidean de dhaoin’ [TD 443] aunn, agus thàinig mi g’ ’ur ionnsuidh airson cosnadh iarraidh oirbh,” urs’ an Gruagach bàn. “Mata cha ’n ’eil duin’ a dhìth òirnn ’san am,” ursa Fionn. Dé n t-ainm a th’ ort?” “M’ ainm cha do cheil mi riabh, an Gruagach bàn Mac Rìgh Eireann,” urs’ esan. “Dona! dona! mur a dh’ éiridh de thubaist domh! Far an d’ fhuair mi mo thogail go h-òg, agus m’ àrach gom’ shine. Co gheibheadh cosnadh mur am faigheadh mac t’ athar e; ach na bi mor-fhaclach am miosg nam Fianntan,” ursa Fionn. “Teaunn a naull agus beir air ceaunn an lìn, agus tarruinn leis an Fhìnn. Thug e sùil as a chionn, agus dé ’chunnaic e ach fiadh. “Nach b fheàrra d’ ur leithidean-sa de dhaoine luath, làidir, aotrom, òg, a bhith ’g ianach an fhéidh ’ud shuas; seach a bhith ’g iasgach aona bhreac beadaidh an so, agus nach ruig greim dh’ a iasg sibh, na balgam dh’ a shùgh; seach am beathach ’ud shuas as ’ur cionn, a ruigeas gréim d’ a fheoil sibh agus balgam d’a eanruith,” urs’ an Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann. “Mu ’s math am beathach sin,” ursa Fionn, “tha sinne seachd sgìth dheth ’s tha sinn eòlach na leòir air.” “Mata chuala mi fhìn gon robh aon duin’ agaibh ris an canadh eud Luathas, a bheireadh air a’ ghaoth luath Mhàrt, agus nach beireadh a ghaoth luath Mhart air,” urs, an Gruagach bàn. “O ’n is e do chiad iarradas e cuiridh sinn a ’iarraidh,” ursa Fionn. Chuireadh air a shon, ’s thainig Caoilte. Dh’ eubh an Gruagach bàn air. “Siud an gnothach a bh’ agam duit,” urs’ an Gruagach. “Dol a ruith an fhéidh a chunnaic mi shuas ’ud.” “Thàinig an Gruagach bàn an diugh ’nar cuideachd, agus faodar a chomhairl’ a ghabhail a’ chiad latha. Thug e sùil uaidh, agus chunnaic e fiadh ’na sheasamh as ar cionn. Thuirt e gom b’ fheàrr d’ar leithidean-sa de dhaoine luath, làidir, aotrom, a bhith sealg an fhéidh, na bhith ’g iasgach aona bhreac beadaidh an so; agus a Chaoilte falbh thus’ agus ruith am fiadh,” ursa Fionn. “Mata ’s ioma latha ’thug mis’ air a ruith, agus ’s beag a bh’ agam air a shon ach mo thrioblaid nach d’ fhuair mi gréim riabh air,” ursa Caoilte. Dh’ fhalbh Caoilt’ agus thug e go h-astar. “Démur a bhios Caoilte nur a bhios e ’na làn luathas,” urs’ an Gruagach bàn. “Bidh tri chinn air Caoilte nur a bhios e aig a làn luathas,” ursa Fionn. “’S co mhiad ceaunn a bhios air an fhiadh,” urs’ an Gruagach. “Bidh seachd cinn air nur a bhios e ’na làn luathas” ursa Fionn. “De ’n t-astar a th’ aige mu ’n ruig e’ cheaunn uidhe?” urs an Gruagach. “Tha seachd glinn, agus seachd mill, agus seachd aiteacha suidhe samhraidh,” ursa [TD 444] Fionn. “Tha sinn aige r’ a dhianadh mu ’n ruig e àite tàimh.” “Thugamaid làmh air tarruinn an lìn,” urs’ an Gruagach. Thug an Gruagach bàn sealladh uaidh, ’s thuirt e ri Fionn. “Fhinn Mhic Cumhail cuir do mhiar fo d’ dheud fios fiach de ’n t-astar ’s am bheil Caoilte dha ’n fhiadh.” Chuir Fionn a mhiar fo a dheud fios. “Tha da cheaunn air Caoilte, ’s cha ’n ’eil air an fhiadh ach an da cheaunn fhathasd,” ursa Fionn. “Dé chuir eud seachad de dh’ astar,” urs’ an Gruagach bàn. “Da ghleann agus da mheaull; tha coig aca gon chur seachad fhathasad,” ursa Fionn. “Thugamaid làmh air iasgach a’ bhric,” urs’ an Gruagach bàn. Thòisich eud air iasgach a’ bhric. Air treis daibh a bhith ’g obair thug an Gruagach bàn suil uaidh. “Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ esan, “cuir do mhiar fo d’ dheud fios fiach de ’n t-astar a tha Caoilt’ o ’n fhiadh.” “Tha tri chinn air Caoilte ’s tha ceithir chinn air an fhiadh, ’s tha Caoilte ’na làn luathas,” ursa Fionn. Co mhiad gleaunn, agus meaull, agus àite suidhe samhraidh a tha romhpa,” urs’ an Gruagach. Tha ceithir as an déigh agus tri rompa,” ursa Fionn. “Bheireamaid làmh air iasgach a’ bhric,” urs’ an Gruagach bàn. Thug eud treis air iasgach a bhric. “Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ an Gruagach, “dé ’n t-astar a tha romh ’n fhiadh fhathasd mu ’n ruig e cheaunn uidhe.” “Aona ghleaunn, agus aona mheaull, agus aon àite suidhe samhraidh,” ursa Fionn. Thilg e uaidh an lian, agus ghabh e go h-astar. Bheireadh e air’ a’ ghaoth luath Mhàrt, ’s cha bheireadh a’ ghaoth luath Mhàrt air, gos an d’ rug e air Caoilte. Ghabh e seachad air, ’s dh’ fhàg e beannachd aige. A’ dol a null ri clachan Struth ruaidh thug am fiadh leum as. Thug an Gruagach bàn an ath leum as, ’s rug e air chalpa deiridh air an fhiadh, ’s thug am fiadh ràn as, ’s dh’ eubh a’ Chailleach. “Co ’rug air mo bheathach gaoil?” “Tha mis,’ urs’ an Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann. “A Ghruagach bhàn, Mhic Rìgh Eireann lig as e,” urs’ a’ Chailleach. “Cha lig mi, mo bheathach fhìn a nis a th’ aunn,” urs’ an Gruagach bàn. “Thoir dhomh làn mo dhùirn d’ a chalg, no taosg mo dhùirn d’ a ghaorr, air neo balgam dh’ a shùgh, airneo gréim dh’ a fheòil,” urs’ a’ Chailleach. Aona chuid cha ’n fhaigh thu,” urs’ esan. “Tha ’n Fhìnn a’ tighinn,” urs’ ise, “agus Fionn air an ceann; cha bhi h-aon aca nach ceanghail mi cùl ri cùl.” “Dian sin,” urs’ esan, “ach tha mis’ a’ falbh.” Dh’ fhalbh e, ’s thug e leis am fiadh, ’s bha e ’gabhail roimhe gos an do choinnich an Fhìnn e. “Fhinn Mhic Cumhail gléidh [TD 445] siud,” urs’ esan, ’s e fàgail an fhéidh aig Fionn. Shuidh Fionn Mac Cumhail aig an fhiadh, ’s dh’ fhalbh an Gruagach bàn. Ràinig e ceàrdach nan seachd goibhne fichead. Thug e tri chearcaill iarruinn aisde mu choinneamh h-uile duine ’bha ’san Fhìnn. Thug e leis làmh-òrd, agus chuir e tri chearcaill mu cheann a h-uile duine ’bha ’san Fhìnn, agus theannaich e leis an òrd eud. Thàinig a’ Chailleach a mach, ’s lig i sgairt mhòr. “Fhinn Mhic Cumhail lig thugam mo bheathach gaoil.” Bhrist an cearcall a b’ airde ’bh’ air na Fianntan leis an sgairt. Thàinig i ’mach an darna ’uair, ’s lig i ’n ath sgairt, ’s bhrist i ’n darna cearcall. (“Nach b’ uamhasach a Chailleach.”) Chaidh i dachaidh, ’s cha b’ fhad’ a bha i stigh nur a thàinig i ’n treas uair, ’s lig i ’n treas sgairt, ’s bhrist i ’n treas cearcall. Dh’ fhalbh i; ghabh i go ruige coille; shniamh i gad coille; thug i leath e; ghabh i ’null agus cheanghail i h-uile fear dha na Fiantaichean cul ri cul, ach Fionn. Thug an Gruagach bàn làmh air an fhiadh ’s dh’ fheaunn e e. Thug e ’n gaorr as. Rug e air a h-uile sgath dha ’n mhionach ’s dha ’n ghaorr, ghearr e plochd, agus thìodhlaic e fo ’n talamh eud. Chuir e coir’ air dòigh, agus chuir e ’m fiadh ’s a’ choire, agus teine ris a ’bhruich. “Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ an Gruagach bàn ri Fionn, “cò ’ca ’s fheàrr leatsa dol a chòmhrag na Caillich, na fantail a’ bruich a’ choire?” “Matà,” ursa Fionn, “tha ’n coire glé dhoirbh a bhruich. Mu bhios bìdeag de ’n fheòil gon an lìth ’bhith thairis, eireachaidh am fiadh mur a bha e roimhid; agus mu théid boinne dha ’n lìthe mu ’n teine, éireachaidh e mur a bha e roimhid. ’S fheàrr leamsa fantail a’ bruich a’ choire.” Thàinig a’ Chailleach “Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ ise, “bheir domh làn mo dhùirn dh’ an chalg, airneo taosg mo dhuirn dh’ a ghaorr, airneo greim dh’ a fheòil, airneo balgam dh’ a eanruith.” “Cha d’ rinn mi fhìn dad timchioll air, agus, leis an sin, cha ’n ’eil ordan agam air a thoirt seachad,” ursa Fionn. Thòisich an Gruagach bàn ’s a’ Chailleach air a’ chéile an so. Dhianadh eud bogan air a’ chreagan, agus creagan air a’ bhogan; an t-àite ’bo lugha ’rachadh eud fodha, rachadh eud fodha g’ an glùinean; ’s an t-àite ’bo mhoth’ a rachadh eud fodha, rachadh eud fodha g’ an sùilean. “Am bheil thu buidheach aighir Fhinn Mhic Cumhail?” urs’ an Gruagach bàn. “S fhad o ’n a bha mise buidheach dheth sin,” ursa Fionn. “Bidh cothrom air a thoirt seachad a nis,” urs’ an Gruagach. Rug e air a’ Chailleach, ’s bhuail e breab urr’ aunn am bacan na h- [TD 446] easgaid, ’s leag e i. “An d’ thoir mi ’n ceaunn di Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ an Gruagach, “Cha ’n ’eil fhios’ am,” ursa Fionn. “Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ ise, “tha mi ’gad’ chur fo chroisean ’s fo gheasan, ’s fo naodh buaraiche mnatha sithe, siùbhlaiche, seachranaiche; an laogh beag is meata ’s is mi-threòirich a thoirt do chinn, ’s do do chluas, ’s do chaitheadh-beatha dhiòt, mar am bi thu mur fhear pòsd’ tri uairean mu ’n d’ thig an latha aig bean an leòmhan chraobh” “Tha mis’,” urs’ an Gruagach bàn, “’gad’ chur-sa fo chroisean agus fo gheasan, fo naodh buaraiche mnatha sìthe, siùbhlaiche, seachranaiche; an laogh beag is meata ’s is mi-threoiriche thoirt do chinn, ’s do chaitheadh-beatha dhiot, mur am bi thus’ agus cas air gach taobh do chlachan Struth ruadh agad, agus a h-uile diar uisge ’dol a stigh air an darna ceaunn, ’s a’ dol a mach air a’ cheaunn eile dìot.” Dh’ éiridh e agus lig e ’na seasamh i. “Tog dhìom do gheasan, agus togaidh mise dheth-san eud,” urs’ a’ Chailleach. “Cha tog agus cha leag ach mur siud. Ge b’ e air bith mur a thilleas sinne cha d’ thig thusa.” Dh’ fhalbh an Gruagach bàn ’s thug e deth an coire. Rug e air forc agus air sgian, ’s chuir e ’n fhorc aunns’ an fhiadh. Rug e air an sgithinn, agus gheàrr e gréim as, ’s dh’ ith e. Rug e air plochd, ’s ghearr e e, ’s chuir e siud air ceaunn a’ choire. “Fhinn Mhic Cumhail tha ’n t-am againn a bhith ’falbh,” ursa esan, “am bheil thu math go marcachd?” “Dh’ aimisinn orra,” ursa Fionn. Rug e air slataig, ’s thug do dh’ Fhionn i. “Buail siud orms’,” urs’ esan. Bhuail Fionn an t-slatag air, ’s rinn e falaire dhonn dheth. “Theirig a nis air mo mhuinn-sa,” urs’ an Gruagach. Chaidh Fionn air a mhuinn.” Bi go math furachar, tha mise g’ a’ t’ ionnsuidh.” Thug e ’n leum sin as ’s chaidhe seachad air naoidh iomairean, agus sheas Fionn air a mhuinn. Thug i ’n darna leum aisde, ’s chaidh i seachad air naoidh iomairean eile, ’s sheas Fionn air a muinn. Thug i ’n treas leum aisde, ’s chaidh i seachad air naoidh iomairean eile, ’s sheas esan air a muinn. Thug e go astar. Bheireadh e air a’ ghaoth luath Mhàirt, ’s cha bheireadh a’ ghaoth luath Mhàirt air. “Tha baile beag shios an so,” urs’ an fhàlaire, “agus theirig sìos ’s bheir leat tri stòpannan fian agus tri muilnean crionachd, agus bheir thu dhòmhsa stòp fian agus muileana crionachd, agus cìoraidh thu ’n aghaidh an fhionna agus leis an fhionna mi.” Fhuair Fionn siud agus ràinig eud ball’ an leòmhan chraobh. “Thalla air làr Fhinn Mhic Cumhail agus thoir dhomh stòpa fian agus muileann crion- [TD 447] achd. Cìor a nis an aghaidh an fhionna mi, agus cìor leis an fhionna mi.” Rinn e siud. “Bheir an aire dhuit fhìn,” urs’ an fhàlaire. Leum i ’n sin; agus chuir i trian fòiche dha ’n bhalla, ’s bha da thrian as a cionn, ’s thill i. “Bheir dhomh stòp fian agus muileann crionachd eile, agus cìor an aghaidh an fhionna mi, agus cìor an aghaidh an fhionna mi, agus cìor leis an fhionna mi.” Rinn e siud. “Thoir an aire dhuit fhin ’s mise dha t’ ionnsuidh a nis,” urs’ an fhàlaire. Thug ì ’n darna leum aisde; agus chuir i da thrian de ’n bhalla fòiche, ’s bha thrian as a cionn, agus thill i. “Thoir domh stòp fian agus muileann crionachd eile, agus cìor an aghaidh an fhionna mi, agus cìor leis an fhionna mi,” urs’ ise. Rinn e siud, “Thoir an aire dhuit fhìn ’s mise dha t’ ionnsuìdh a nis,” urs’ ise. Thug i leum aisde ’s bha i air bàrr a’ bhalla. “Tha ’n gnothach go math romhad Fhinn,” urs’ an fhàlaire; “tha ’n leòmhan craobh o ’n tigh.” Ghabh e dhachaidh. Bha flath agus fàilte roimhe. Chuireadh biadh agus deoch air a bhialthaobh. Ghabh e mu thàmh an oidhche sin. Mu ’n d’ thàinig an latha bha e tri uairean mur fhear pòsd’ aig bean an leòmhan craobh. Cho moch ’s a chunnaic a shùil an latha, ’s moiche na sin a dh’ éiridh e, ’s a ràinig e ’n fhàlaire, an Gruagach bàn, agus dh’ fhalbh eud. Urs’ an Gruagach bàn, “Tha ’n leòmhan craobh o ’n tigh. Dad sam bith mur a bha cha cheil ise. Tha e ’falbh as ar déighne, ’s cha chuimhnich e air an leobhar bhuidseachais, théid agams’ air; ach na ’n cuimhneachadh e air an leobhar cha chuireadh sluagh an t-saoghail ris. Tha h-uile draochd aige-san, agus leumaidh e ’na tharbh nur a thig e, agus leumaidh mis a’ m’ tharbh mu choinneamh, agus a’ chiad bhuill’ a bheir mise dha, leagaidh mi cheaunn air a shlinnean, ’s bheir mi ràn air. Leumaidh e ’n sin ’na aiseal, ’s leumaidh mise ’nam aiseil mu choinneamh; agus a’ chiad speach a bheir mise dha, bheir mi làn mo bheòil as eadar feòil agus craicionn mur a bhitheas e. Leumaidh e ’n sin ’na sheobhag aunns a’ choille, ’s a chiad speach a bheir mi dhà bheìr mi ’n cridh’ agus an gruan as. Thig mis’ a nuas as a dhéigh, agus beiridh tus’ air an nèapaigin ’ud an siud, agus cuiridh tu aunns an nèapaigin mi, agus gearraidh tu plochd, ’s cuiridh tu ’n nèapaigin fo ’n talamh, agus seasaidh tu air. Thig bean an leòmhan chraobh an sin, agus thusa ’nad’ sheasamh air muinn a’ phluichd, agus mise fo d’ chasan, agus an leobhar buidseachais aic’ air a muinn aunn an sùgan, agus their i, “Fhinn Mhic Cumhail, fhir nach d’ innis briag riabh, innis domh co [TD 448] ’mharbh mo chompanach a shluagh an t-saoghail?” Their thusa, “Cha ’n aithne dòmhs’ as cionn an talanta co ’mharbh do chompanach.” Falbhaidh is’ agus bheir i go astar urra ’na gaoire guil.” Nur a bha eud treis air an aghaidh co ’chunnaic eud a’ tighinn ach an leòmhan craobh. Chaidh e ’na tharbh. Chaidh an Gruagach bàn ’na tharbh mu ’choinneamh, agus a’ chiad bhuill’ a thug e dha leag e’ cheaunn air a shlinnean, agus thug an leòmhan craobh ràn as. Leum e ’n so ’na aiseal. Leum an Gruagach bàn ’na aiseal mu ’choinneamh, ’s air a’ chiad speach a thug e làn a’ bheoil as eadar fheoil agus chraicionn. Leum an leòmhan craobh an so ’na sheobhag aunns na speuran. Leum an Gruagach bàn ’na sheobhag aunns a’ choille, agus thug e ’n cridh’ agus an gruan as. Thuit an Gruagach bàn a nuas as a dhéigh. Rug Fionn air, agus chuir e aunns an nèapaigin e, agus gheàrr e plochd, agus chuir e ’n nèapaigin fo ’n talamh agus am plochd air a mhuinn, agus sheas e air muinn a’ phluichd. Thàinig bean an leòmhan craobh, agus an leobhar buidseachais leath’ air a muinn aunn an sùgan. “Fhinn Mhic Cumhail, fhir nach d’ innis briag riabh, ’co’ mharbh mo chompanach?” “Cha ’n aithne dòmhs’ as cionn an talanta co mharbh do chompanach,” ursa Fionn agus ’dh fhalbh i ’na gaoire guil, agus thug i go h-astar urra. Rug e air a Ghruagach bhàn agus thog e leis e, agus ràinig e ’n caisteal ’s an robh bean a chaol-chot’ uaine. Shìn e dhi siud ’na làimh. Ghabh i ’sias leis, agus cha b’ fhada ’bha i shias nur a thàinig i nias far an robh esan. “Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ ise, “tha ’n Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann, ’ga t’ iarraidh.” “’S e sin naigheachd is fhearr leom a chuala mi riabh fhathasd, gom bheil an Gruagach bàn’ gam’ iarraidh,” ursa Fionn. Chuir i biadh agus deoch air am bialthaobh. Cha ’n itheadh eud greim, ’s cha ’n òladh eud diar, gos an itheadh eud an cuid de ’n fhiadh le càch aig Struth ruaidh. Ràinig eud far an robh ’n Fhìnn ceanghailte, agus dh’ fhuasgail eud a h-uile h-aon riabh aca, ’s bha acras go leòir orra. Chuir an Gruagach bàn am fiadh air am bialthaobh, ’s dh’ fhàg eud dha ’n fhiadh tri urad ’s a dh’ ith eud. “S còir dòmhsa dol a dh’ innseadh mo sgéil,” urs’ an Gruagach bàn. Ràinig e ’Chailleach aig clachan Struth ruaidh. Thòisich e aìr innseadh a sgeil mur a dh’ éiridh dha. H-uile sgial a dh’ innseadh esan dise, thòiseachadh ise ri éiridh. H-uile h-uair a thòiseachadh ise ri éiridh, bheireadh esan urra, agus phronnadh e na cnàmhan aice, agus bhristeadh e eud, gos an d’ innis e chuid [TD 449] sgialachdan di. Nur a dh’ innis e eud thill e, agus ràinig e ’n Fhìnn air ais. Chaidh Fionn leis go caisteal bean a chaol-chot’ uaine. “Beannachd leat Fhinn Mhic Cumhail,” urs’ an Gruagach bàn, Mac Rìgh Eireann. “Fhuair mise na bha mi ’g iarraidh, fradharc air gach cùis agus air gach gnothach, agus bidh mi ’nis a’ tilleadh dhachaidh go pàileas m’ athar fhìn.” “’S an aunn mur so a tha thu ’brath mis’ fhagail an déis gach rud a rinn mi riut,—thu ’bhith aig té eile, agus mise falamh!” “An e sin a tha thu ’ràdh?” urs’ esan. “Na ’n saoilinnsa gon gabhadh sin dianadh, cha ’n fhaca mi ’mhnathan pòsda na diallainn riabh na ghabhainn a roighinn ort! Ach cha dian mise banais na pòsadh leat an so, ach falbhaidh tu go pàileas m’ athar leam.” Chaidh eud go pàileas athar, e fhin, agus bean a chaol-chòt’ uaine, agus Fionn. Fhuaradh pears’ eaglais, agus phòs an Gruagach bàn agus bean a chaol-chòt’ uaine. Rinneadh banais shunndach, éibhinn, aighearach daibh. Thogadh ceòl agus leagadh bròn. Chuireadh biadh an àit’ a chaitheadh, agus deoch an àit’ a h-òl agus ceòl an àit’ éisdeachd. Bha eud a’ caitheadh na cuirm agus na cuideachd gos an do chumadh suas a’ bhanais sin la agus bliadhna le sòlas agus toileachas-inntinn. ALEXANDER MACNEILL, Fisherman. Ten Tangval, Barra. [Beurla] [TD 450] [Notes] [Beurla] [TD 451-469] LII. THE KNIGHT OF THE RED SHIELD. From John MacGilvray, Colonsay. [Beurla] [TD 470] [Beurla] RIDIRE NA SGIATHA DEIRGE. BHA ann roimhe seo Righ Eireann ’s dh’ fholbh e fhéin, ’sa shluagh agus a laochraidh, ’s a mhaithean, ’s a mhòruaislean do ’n bheinn shithinn agus sheilg. Shuidh ad air cnocan dath-uaine daite, far an éireadh grian gu moch agus an laidheadh i gu h-anmoch. Thuirt am fear a bu luaithe beul na ’chéile. “Co ’neis, ami an ceithir ranna ruath an domhain, aig am biodh a chridhe tàr, agus tailceas a dhèanadh air Righ Eireann, ’s e am meadhon slòigh agus laochraidh, mòruaislean a’s maithean a rioghachd fhéin.” “Nach amaideach sibh,” ars’ an righ, “dh’ fhaodadh e tighinn fear a dheanadh tàir agus tailceas armsa ’s nach b’ urrainn sibh an rioba ’bu mheasa ’na fheusaig a thoirt aisde.” ’S ann mar seo a bha. Chunnaic ad dubhradh frois’ a’ tighinn [TD 471] bho ’n aird an iar, ’s a’ triall do ’n aird an ear,—’s marcaiche falaire duighe ’tighinn gu sunndach ’na déigh. Mar a bu churaidh air tir na sléibhte, Mar reul air na rionnagan, Mar mhuir mòr air lodannan, Mar ghual guibhne gobha ’Ga bhàthadh aig taobh na h-abhann; ’S ann mar sean a dh’ amhairceadh fir agus mnathan an domhain làmh ris, An dealbh, ’s an dreach, san cruth, agus an aogas. Labhair e dhaibh, an sean, ann am briathra fiosneacha, foisneacha, fìor-ghlic, fior-eòlais; ’s ma ’n robh tuillidh seanachais eatorra chuir e thairis an dorn, ’s bhuail e ’n righ eadar am beul ’s an t-sròn ’s chuir e tri fiaclan as, ’s cheap e ’na dhorn ad, ’s chuir e ’na phòc ad, ’s dh’ fhalbh e. “Nach d’ thubhairt mi, ruibh,” urs’ an righ, “gum faodadh e tighinn fear a dheanadh tàir agus tailceas ormsa, ’s nach b’ urrainn sibh an rioba ’bu mheasa ’na fheusaig a thoirt aisde.” Bhòidich an seo a mhac mòr, ridir’ a’ chùirn, nach itheadh e biadh, a’s nach òladh e deoch, a’s nach éisdeadh e ceòl, gus an d’ thugadh e bhàr a’ ghaisgich a bhuail an dorn air an righ, an ceann a dhealbh a dhèanadh. “Mata,” orsa ridir’ a’ chlaidhimh, “an t-aon ciadhna dhomhsa gus an d’ thoir mi ’n làmh a bhuail an dorn air an righ, o’n ghualainn deth.” Bha aon fhear leo, an sean, ’s a’ chuideachd d’ am b’ ainm Mac an Earraich uaine ri Gaisge, “An t-aon ciadhna domhsa,” ars’ esan, “gus an d’ thoir mi, as a’ ghaisgeach a bhuail an dorn air an righ, an cridhe ’smaointich air a dhèanadh.” “Thus’ a bheathaich mhosaich,” orsa Ridire Chùirn, “dé ’bheir thusa leinn? Nur a rachamaidne air thapadh, rachadh tus’ ’air mhithapadh. Geobhadh tu bàs am mòintich bhuig, na ’n sgeilpe chreag, na ’n talamh toll, na ’n sgàth gàrraidh, na ’n àit-eigin.” “Biodh sin ’s a roghainn da ach falbhaidh mi,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. Dh’ fhalbh da mhac an rìgh. Suìl gu ’n dug Ridire a Chùirn as a dhéigh as faicear Mac an Earraich uaine ri Gaisge ’gan leantuinn. [TD 472] “Gu-dé,” orsa Ridire ’Chuirn ri Ridire ’Chlaidhimh, “a ni sinn ris.” “Ni,” orsa Ridire ’Chlaidhimh, “an ceann a sgathadh dheth.” “Mata,” orsa Ridire ’Chùirn, “cha dèan sinn sean; ach tha carragh mòr cloiche shuas an seo agus ceanghlaidh sinn ris e.” “Tha mi toileach sean fhéin a dheanadh,” ors’ am fear eile. Cheanghail ad ris a’ charragh chloich’ e, an los fhàgail gus am bàsaicheadh e, ’s ghabh ad air falbh. Sùil gun d’ thug Ridire ’Chùirn a rithisd as a dhéigh, ’s faicear a’ tighinn e, ’s an carragh air a mhuin. “Nach fhaic thu, neis, am fear sean a’ tighinn a rithisd, ’s an carragh air a mhuin,” orsa Ridire ’Chùirn ri Ridire Chlaidhimh. “Dé ’ni sin ris?” “Tha ’n ceann a sgathadh dheth ’s gun a leigeil na ’s fhaide,” orsa Ridire ’Chlaidhimh. “Cha dean sinn sean,” orsa Ridire ’Chùirn, “ach tillidh sinn agus fuasglaidh sinn an carragh dheth. Is suarrach d’ ar leithidne do dha làn-ghaisgeach gad a bhiodh e leinn; ni e fear ghlanadh sgiath, na sheideach thùrlach, na rud-eigin.” Dh’ fhuasgail ad e agus leig ad leo e. Ghabh ad a sìos an seo thun a’ chladaich. Fhuair ad an sean an long ris an abradh ad, an Iubhrach bhallach. Chuir ad a mach i, ’s thug ad a toiseach do mhuir, ’s a deireadh do thìr. Thog ad na siuil bhreaca, bhaidealacha, bhàrr-rùisgte, An aodann nan crann fada, fulannach, fiùghaidh. Bha soirbheas beag, laghach aca mar a thaghadh ad fhé’ ’Bheireadh fraghach* a beinn, duilleach a coill, seileach a a fhreumhaichan. ’Chuireadh tutha nan taighean ann an claisean nan iomairean, An latha nach deanadh am mac na ’n t-athair e. Cha bu bheag ’s cha bu mhor leòsan sean fhé’ Ach ’ga caitheadh, ’s ’ga ghabhail mar a thigeadh e. An fhairge ’fulpanaich ’s a’ falpanaich;— An lear dearg ’s an lear uaine ’lachannaich, ’S a’ bualadh thall ’s a bhos ma bòrdaibh. An fhaochag chrom chiar a bha shìos an grunnd an aigein, * Fraghach, same as fraoch, heather. [TD 473] Bheireadh i snag air a beul-mòr agus cnag air a h-urlar. Ghearradh i cuinnlein caol coirce le fheobhas ’s a dh’ fhalbhadh i. Thug ad tri lathan ’ga caitheadh mar sean. “Tha mi fhéin a’ fàs sgìth dheth seo,” orsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh; “bu mhithidh leam sgeul fhaotainn as a’ chrann.” “’S tu fhéin a ’s mòr-ionmhmuneach ann, a Ridire Chùirn, agus leig fhaicinn gu ’m bi spéis agad a dhol suas; agus mar an d’ théid thu suas bidh am barrachd spòrs againn ort,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. Suas a ghabh Ridìre Chùirn le roid, ’s thuit e nuas ’na ghlag paiseanaidh air clàr-uachrach na luinge. “’S dona ’fhuaras tu,” orsa Ridire Chlaidhimh. “Faiceam an tu fhéin ’is fèarr; ’s ma ’s tu ’s feàrr leigear fhaicinn gum bi barrachd toil agad dol air t’ aghaidh, air-neo bidh am barrachd spòrs againn ort,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. Suas a ghabh Ridire ’Chlaidhimh, ’s ma ’n d’ ràinig e ach leith a’ chroinn thòisich e air sgiamhail ’s air sgreadail, ’s cha b’ urrainn e dol a suas na tighinn a nuas. “Rinn thu mar a dh’ iarradh ort, ’s leig thu fhaicinn gun robh am barrachd speis agad a dhol suas; ’s a neis cha d’ theid thusa suas, ’s cha mhotha ’thig thu nuas! Cha ghaisgeach mise, ’s cha leith ghaisgeach mi, ’s cha robh meas gaisgich orm an am fagoil.” Gheobhainn bàs am mòintich bhoig na ’n sgeilpe chreag, na ’n sgàth gàrraidh, na ’n àit-eiginn, “agus cha bu spàirn orm sgeul a thoirt as a’ chrann,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. “A shaoidh mhòir,” orsa Ridire ’Chùirn, “feuch ris.” “Is saoidh mòr mi ’n diugh; ach cha b’ eadh a’ fàgail a’ bhaile,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. Thomhais e leum bho cheannaibh a shleagh gu barraibh ordag, ’s bha e shuas a chlisgeadh anns a’ chrannaig. “Gu-dé ’tha thu ’faicinn?” orsa Ridire ’Chuirn. “Tha e ro mhòr do dh’ fheannaig ’s tha e ro bheag do dh’ fhearann,” ors’ esan. “Fan mar a th’ agad feuch an aithnich thu dé ’th’ ann,” ors’ ad ris, ’s dh’ fhan e mar seo treis. “Dé ’tha thu ’faicinn a neis?” ors’ ad ris. “Tha eilean agus cearcall teine ma ’n cuairt air, a’ lasadh an ceann a chéile; ’s tha mi ’smaointeachadh nach ’eil aon ghais- [TD 474] geach anns an domhan mhòr a theid thairis air an teine,” ars’ esan. “Mar an d’ théid ar leithidne de dha ghaisgeach thairis air,” ors àdsan. “Tha dùil’ am gum b’ fhasa dhuibh sgeul a thoirt as a’ chrann na dol a staigh an siod,” ars’ eisean. “Cha’n athais e?” orsa Ridire Chùirn. “Cha’n eadh, ’s fìrinn e!” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. Ràinig ad an taobh muin de ’n teine, ’s chaidh ad air tìr, ’s tharruinn ad an Iubhrach bhallach suas a seachd fad fhéin air feur glas, ’s a beul fòiche, far nach deanadh sgoilearan baile-mhòir bùirt, na fochaid, na magadh urra. Shéid ad tùrlach, ’s thug ad tri oidhchean a’s tri lathan a’ leigeil an sgìos. An ceann nan tri lathan thòisich ad air lìobhadh nan arm. “Tha mi,” orsa Ridire Chùirn, “a’ fàs sgìth dheth seo, bu mhithich leam sgeul fhaotainn as an eilean.” “’S tu fhéin,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge, is mòr-ionmhuinneach ann, agus folbh an toiseach feuch dé ’n sgeul a’s fhèarr a bheir thu a’r ionnsuidh.” Dh’ fhalbh Ridire Chùirn, ’s ràinig e ’n teine, ’s thug e làmh air leum thairte, ’s a sìos a ghabh e innte g’a ghlùinean; ’s thill e air ais, ’s cha robh rioba caoille na craicinn eadar a ghlùinean ’s a mhuthairnean nach robh ’na chuaran ma bheul nam bròg. “’S don’ e, ’s don’ e,” orsa Ridire ’Chlaidhimh. “Feiceam an tu fhéin a’s fhèarr,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. “Leig fhaicinn gum bi barrachd spéis agad a’ dhol air t’ aghaidh, air-neo bidh am barrachd spòrs againn ort.” Dh’ fhalbh Ridire ’Chlaidhimh, ’s ràinig e ’n teine, ’s thug e làmh air leum thairte, ’s chaidh e sìos innte gu ceann ramhar na sléisde, ’s thill e air ais, ’s cha robh rioba caoille na craicinn eadar ceann ramhar na sléisde ’s am muthairn nach robh ’na chuaran ma bheul nam bròg. “Mata,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge, “cha bu ghaisgeach mise an am fàgail a’ bhaile ’nur beachd-sa; ’s na ’m biodh mo rogha arm a’s éididh agam de na ’bheil anns an domhan mhòr, cha bu spàirn orm sgeul a thoirt as an eilean.” “Na’m biodh sean againn gheobhadh tus’ e,” orsa Ridire ’Chùirn. “A Ridire ’Chùirn, b’ e t’ airm agus t’ éideadh fhéin darna airm agus éideadh a b’ fhèarr leam agam anns an domhan mhor; [TD 475] gad nach tu fhéin darna gaisgeach a ’s fhèarr a th’ ann,” arsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. “’Se m’ airm agus m’ éideadh fhéin a ’s fhasa fhaotainn,” orsa Ridire ’Chùirn, “agus gheobh thus’ ad; ach b’ fhèarr leam gum biodh tu cho math ’s gun innseadh tu dhomh co na h-airm agus an t-éideadh eile ’s fhèarr na m’ fheadhainn-sa.” Tha airm agus éideadh Mhacaibh mhoir Mhacaibh an Domhain a bhuail an dorn air t’ athair,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. Chuir Ridire Chùirn dheth airm agus èididh, ’s ghabh Mac an Earraich ri Gaisge na h-airm agus na h-éididh. Ghabh e ’na threallaichean cath agus cruaidh-chòmhraig. Mar a bha ’leine ’n t-sròl ’s a’n t-sìoda shleamhuinn bhuidhe sìnte r’a chneas, A’ chòtainn caomh cotain air uachdar na caomh chotaige, A sgiath bhucaideach, bhacaideach, bharra-chaol air a làimh chlì, A cheanna-bheart, clogada cruaidh-chòmhraig A’ coimhead a chinn, ’s a cheanna-mhullaich, An toiseach na h-iorguill,—’san iorguill an-diomain, A shlacanta cruaidh curaidh ’na làimh dheis, Urra-sgithinn gheur an taice r’a chneas. Thog e suas bràigh a’ chladaich, ’s cha robh fòid a thilgeadh e’n déigh a shàlach nach robh cho domhainn ri fòid a thilgeadh dallachrann arain nur a bu doimhne ’bhiodh e ’treobhadh. Ràinig e’n cearcall teine. Leum e o bharraibh a shleagh gu borraibh òrdag thar na teine. Bha ’n sean an aon eilean a bu bhòibhche ’chunncas o thus an domhain gu deireadh na dìlinn. Ghabh e suas feadh an eilean ’s chunnaic e cnoc maol buidhe ’na mheadhon. Thog e ris a’ chnoc. Bha Ionmhuinn mhnatha ’na suidhe air a’ chnoc, ’s òglach mòr ’s a cheann air a glùn, ’s e ’na chadal. Labhair e rithe ann am briathra fisneacha, foisneacha, fìor-ghlic, mìne, maighdeana, fìor-eolais. Fhreagair ise anns na briathra ciadhna; ’s mar am b’ àd a b’ fhèarr, cha b’ àd dad a bu mheasa ’s an am. “’S ionmhuinn leam fhéin fear do choltais, ’s na’m biodh còir agam ort dh’ fhàgadh tu’n t-eilean,” ors’ an Ionmhuinn. “Nam b’ ionmhuinn leat fear mo choslais dh’ innseadh tu domh dé ’bu dùsgadh do ’n òlach seo,” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. [TD 476] “Tha bàrr na laodaig a thoirt deth” ors’ ise. Thug e làmh air an urra-sgithinn ghéir a bha ’n taice r’ a chneas, ’s thug e’n laodag deth o’n bhun. Cha d’ thug siod smoisleachadh na gluasad air an òglach. “Innis domh dé ’s dùsgadh do’n òglach;—air neo ’s dithisd deth an d’ thoir mi na cinn thu fhèin ’s an t-òglach!” orsa Mac an Earraich uaine ri Gaisge. “’S dùsgadh dha,” ors’ ise, “rud nach dèan thusa, na aon ghaisgeach anns an domhan mhòr, ach gaisgeach na sgiatha deirge, do’n robh e’ s an tairgneachd tighinn do’n eilean seo, agus an carragh cloich’ ud thall a bhualadh air an duine seo ann an carraig an uchd; ’s tha e gun bhaisteadh gus an dèan e sean.” Chual eisean seo, gu’ robh ’leithid anns an tairgneachd dha, ’s e gun bhaisteadh. Chaidh dorn air thapadh, ’s dòrn air ghleusadh, ’s dorn air spionnadh ann. Thog e ’na dha làimh an carragh ’s bhuail e air an òlach mhòr an carraig an uchd e. Thug am fear a bha ’na chadal blaomadh air a dha shuil ’s dh’ amharc e air. “Aha,” ors’ am fear a bha ’na chadal, “an d’ thainig thu ’ghaisgich na sgiatha deirge? ’s ann an diugh a tha ’n t-ainm ort. Cha’n fhada ’sheasas thu dhomhsa.” “Da thrian de t’ eagal ort fhéin, ’s a’ h-aon ormsa,” arsa Gaisgeach na Sgiatha deirge, “cha ’n fhad’ a sheasas thusa domhsa.” An caraibh a chéile ghabh ad, ’s bha ad a’ cruaidh leadairt a chéile gus an robh an beul ath-dhath ’san anmoich ann. Smaointich Gaisgeach na Sgiatha deirge gun robh e fad’ o a chairdean ’s fagus d’a naimhdean ’s thug e’n togail bheag, shoilleir ud air, ’s bhuail e ris an talamh e. Thug ordag a choise sanus do bhun a chluaise, agus sgath e dheth an ceann. “Gad is mi ’rinn seo cha mhi ’gheall e,” ors’ esan. Thug e’n làmh o’n ghuallainn deth, ’s thug e’n cridhe a a chom, ’s thug e’n ceann bhar a mhuineil. Chuir e ’làmh am pòc’ a’ ghaisgich mhairbh, ’s fhuair e tri fiaclan seann eich ann, ’s, leis an deifir, ghabh e’n àite fiaclan an righ ad, ’s thug e leis ad. Chaidh e gu tom coille, ’s bhuain e gad, ’s cheanghail e air an làmh, ’s an cridhe, ’s an ceann. “Co’ca ’s fhèarr leatsa fantail an seo, air an eilean seo leat fhéin, na falbh leamsa,” ors’ e ris an Ionmhuinn. “’S fhèarr leamsa folbh leat fhéin, na le fir na h-ùir thalmhanta gu léir,” ors’ an Ionmhuinn. Thog e leis i air fras-mhullach a ghuailne ’s air uallach a [TD 477] dhroma ’s ghabh e gus an teine. Leum e thairis ’san Ionmhuinn air a mhuin. Faicibh e Ridire ’Chùirn ’s Ridire ’Chlaidhimh a’ tighinn ’na chomhdhail, ’s boil a’s buaireas ’nan ’sùilean. “Dé ’n gaisgeach mòr,” ars’ àdsan, “a bha as do dheaghainn an siod, ’s a thill nur a chunnaic e ar leithidnean do dha ghaisgeach a’ tighinn.” “Seo duibhse.” ors’ esan, “an Ionmhuinn mhnatha seo, agus tri fiaclan bhur n-athar, agus ceann, agus làmh, agus cridhe an fhir a bhuail an dorn air. Deanaibh fuireach beag, ’s tillidh mise, ’s cha ’n fhàg mi fuigheall sgeoil anns an eilean.” Ghabh e air falbh air ais, ’s an ceann treis, thug e sùil as a dhéigh, ’s faicear àdsan agus a’ Bhreacach a’ deanadh falach cuain air. “Marbh-phaisg oirbh féin,” ors’ esan; “sian fala ma’r sùilean; manadh ’ur crochaidh oirbh! m’ fhagail an eilean leam fhéin, gun duine ’shìol Adhaimh ann, ’s gun fhios’am a nochd dé ’ni mi.” Ghabh e air aghaidh feadh an eilean, ’s cha robh e ’faicinn taigh na tùrais an àite ’sam bith, iseal na ard. Ma dheireadh chunnaic e seana chaisteal an ìochdar an eilean, ’s gabh e a ’ionnsuidh. Chunnaic e tri òganaich a’ tighinn gu trom, airtnealach, sgìth thun a’ chaisteil. Labhair e dhaibh ann am briathra fisneacha, foisneacha, fiorghlic fior-eolais. Labhair àdsan an comain nam briathra ciadhna. Thainig ad ann am briathra seanachais air a chéile; ’s co ’bha ’seo ach a thriuir dhearbh chomhdhaltan. Ghabh ad a staigh an deagh thoil-inntinn air a’ mhor-bhaile. Thog ad ceòl ’s leag ad bròn Bha deochanna mìne, meisgeach, ’S deochanna garga, gachannach, Beathanna saora, socharach, Eadar e fhéin ’s a chomhdhaltan; Ceòl eadar fhidhlean leis an caidleadh fir ghointe ’s mnathan siubhla; Searganaich a’ sìor ghabhail le farum a chiuil sean, A bha shìorrachd gu sìor-bhinn an oidhche sean. Chaidh ad a laidhe. Anns a’ mhaidinn an la’r na mhàireach dh’ éiridh e ann an deagh thoil-inntinn ’s ghabh e ’bhiadh. Dé ’chual e ach gliogarsaich arm ’s daoine ’dol ’nan eideadh. Co ’bha ’so ach a chomhdhaltan. “Ca’ bheil sibh a’ dol?” ars’ esan riu. [TD 478] “Tha sinn o cheann la a’s bliadhna ’san eilean seo,” ors’ àdsan, “a’ cumail cogaidh ri Mac Dorcha, Mac Doilleir, ’s ciad sluaigh aige, ’s a’ h-uile h-aon mharbh as sinn an diugh bidh e beo am màireach. Tha ’gheasan oirnn nach fhaod sinn seo fhàgail gu bràch gus am marbh sinn ad.” “Théid mise leibh an diugh; ’s fhèairde sibh mi,” ors’ esan. “Tha ’gheasan oirnn,” ors’ adsan, “nach fhaod duin’ a dhol leinn, mar an d’ théid e ann leis fhéin.” Fanadh sibhse staigh an diugh, ’s théid mis’ ann leam fhéin,” ors’ esan. Thog e air falbh ’s dh’ amais e air sluagh Mhic Dorcha Mhic Doilleir, ’s cha d’ fhàg e ceann air colainn aca. Dh’ amais e air Mac Dorcha Mac Doilleir fhéin, ’s thuirt Mac Dorcha Mac Doilleir ris, “An tu ’seo a Ghaisgich na Sgiatha deirge.” “’S mi,” orsa Gaisgeach na Sgiatha deirge. “Mata,” orsa Mac Dorcha Mac Doilleir, “cha ’n fhada sheasas thu dhomhsa.” An caraibh a chéile ghabh ad, ’s bha ad a’ cruaidh leadairt a chéile gus an robh beul an ath-dhath ’s an anmoich ann. Mu dheireadh thug Ridire na Sgiatha deirge an togail bheag, shunndach, shoilleir ud air Mac Dorcha Mac Doilleir, ’s chuir e foidhe e, ’s thilg e dheth an ceann. Bha ’n seo Mac Dorcha Mac Doilleir marbh, ’s a thri mic dheug, ’s comhrag ceud air làimh gach fir dhiu. Bha eisean, an seo, air a mhilleadh ’s air a reubadh cho mòr ’s nach b’ urrainn e ’n àrach fhàgail, ’s cha d’ rinn e ach e fhéin a leigeil ’na laidhe ’measg nam marbh fad an latha. Bha tràigh mhór fodha gu h-ìseal; ’s dé ’chual e ach an fhairge ’tighinn ’na caora teine teinteach,—’na nathair bheumannach,—’na tarbh truid. Dh’ amhairc e uaidhe ’s de chunnaic e ’tighinn air tìr air meadhon na tràgha ach cailleach mhòr fhiaclach nach facas riabh a leithid. Bha ’n fhiacaill a b’ fhaide ’na bata ’na dorn, ’s an té bu ghiorra ’na dealg ’n a h-uchd. Ghabh i nìos gus an àraich, ’s bha dithisd eadar i agus esan. Chuir i ’meur ’nam beul ’s thug i beo ad, ’s dh’ éiridh ad suas slàn mur a b’ fhèarr a bha ad riabh. Rainig i eisean, ’s chuir i ’meur ’na bheul, agus sgath e dhith o’n alt i. Bhuail i buille de bhàrr a cois’ air agus thilg i thar seachd iomairean e. “A bheadagain,” ors’ ise, “’s tu fear ma dheireadh a dh’ ath-bheothaicheas mi ’san àraich.” Chrom a’ chailleach air fear eile ’s bha eisean an taobh shuas dith. Cha robh fhios aige dé mur a chuireadh e as do ’n chaillich. [TD 479] Smaointich e air an t-sleagh ghèarr a bh’ aig a mac a thilgeil urra ’s na ’n tuiteadh an ceann dith gum bu mhath. Thilg e’n t-sleagh ’s chuir e’n ceann de ’n chaillich. Bha e’n seo ’na shìneadh air an àraich; fuil, a’s féithean, a’s feoil air an dochann, ach gun robh cnàmhan slàn aige. Dé ’mhothaich e ach cruitire ciuil feadh na h-àrach. “Dé ’tha thu ’g iarraidh?” ors’ e ris a’ chruitire. “Tha mi cinnteach gu ’bheil u sgìth,” ors’ an cruitire. “Thig a nìos ’s cuir do cheann air an tulmsaig seo, ’s dean cadal.” Chaidh e suas ’s laidh e. Tharruinn e sreann a’ leigeil air gu’n robh e na chadal. Air a bhonn a bha e gu brisg, ealamh, èasgaidh. “Tha thu bruadar,” ors’ an cruitear ris. “Tha,” ors’ eisean. “Dé ’chunnaic thu?” ors’ an cruitear. “Cruitire ciuil,” ors’ eisean, “a’ tarruinn seana chlaidheamh meirgeach an los an ceann a thoirt diom.” Rug e’n seo air a’ chruitire chiuil, ’s chuir e’n ionachainn ’na cùibeanan teine trìd chùl a chinn. Bha e’n seo fo gheasan nach marbhadh e cruitire ciuil gu brathach ach le a chruit fhéin. Chuail e ’n seo caoineadh feadh na h-àraich. “Co siod?” ors’ eisean. “Tha ’n seo do thriuir dhearbh-chomhdhaltan ga t’ iarraidh o àite gu h-àite an diugh,” ors’ àdsan. “Tha mise am shìneadh an seo,” ors’ eisean, “’s fuil, a’s féithean, a’s cnàmhan air an dochann.” “Na’m biodh againn an stòpan ìoc-shlaint a th’ aig a chaillich mhòir, màthhair Mhic Dorcha Mhic Doilleir cha b’ fhada ’bhitheamaid gad’ leigheas,” ors àdsan. “Tha i fhéin marbh shuas an sean,” ors’ eisean, “’s cha ’n ’eil ni aice nach fhaod sibh fhaotainn.” “Tha sinne as a geasan gu bràthach,” ors’ àdsan. Thug ad a nuas an stòpan ìoc-shlaint, ’s nigh agus dh’ fhailc ad e leis an rud a bh’ anns’ an stòp. Dh’ eiridh e, ’n sean, suas cho slàn, fallan ’s a bha e riabh. Chaidh e dachaidh leo, ’s chuir ad an oidhche seachad ann an deagh thoil-inntinn. Chaidh ad a mach an la’r na mhàireach ann an deogh thoil-inntinn a dh’ iomain. Chaidh eisean ris an triuir, ’s chuireadh e leathbhàir, sìos, ’s leath-bhair suas, a staigh orra. Mhothaich ad do Mhacabh mòr Mhacaibh an Domhain a’ tighinn do’n bhaile. [TD 480] B’e seo an dearbh-chomhdhalta cuideachd. Chaidh ad a mach far an robh e ’s thuirt ad ris. “Fhir mo ghaoil seachainn sinne ’s am baile an diugh.” “Gu-dé ’s coireach?” ors’ eisean. “Tha Gaisgeach na Sgiatha deirge staigh, agus ’s tu a tha e ’g iarraidh,” ors’ adsan. “Folbhadh sibbse dachaidh, ’s abraibh ris falbh agus teicheadh, air-neo gu’n d’ thoir mis’ an ceann deth,” orsa Macabh mòr Mhacaibh an Domhain. Gad a bha seo uaigneach mhothaich Gaisgeach na Sgiatha deirge dha, ’s chaidh e mach air an taobh eile de ’n taigh, agus bhuail e beum-sgéithe, agus fàd comhraig. Ghabh an gaisgeach mòr a mach as a dhéigh. Thòisich ad air a chéile. Cha robh cleas a dhèante le sgithich na le sgothaich, Na le disnein ghillean-feall, Na le organ nam manach, Nach dèanadh na gaisgich; Mur a bha cleas a’ chleiteam, cleas an òigeam, Ubhal a’ chleasaiche ’ga thilgeil ’s ’ga cheapail An uchdannaibh a chéil. Gu déisinneach, dàsunnach, Fuilteach, cneadhach, creuchdanta. Toil-inntinn! toil-eadraiginn! Chuireadh ad tri ditheannan dearga teine d’ an armaibh A cailceadh, d’ an sgiathan, fal’ agus feòla De ’n cneas agus de ’n caoimh-cholainn, ’S ad a’ cruaidh leadairt a chéile. “Nach amaideach thusa ’Ghaisgich na Sgiatha deirge, nur a tha thu ’cumail gleichd na cruaidh chomhraig riumsa,” arsa Macabh Mhacaibh an Domhain. “Dé mar seo?” orsa Gaisgeach na Sgiatha deirge. “Tha nach ’eil gaisgeach anns an domhan mhòr a mharbhas mise gus am buailear mi as cionn teach mo thriubhais,” orsa Macabh mòr. “A bhuaidh bheannachd sean duit ’ga innseadh domhsa! Na ’n innseadh tu sean domh o chionn fada, ’s fhada o’n sgrìob mi ’n ceann diot,” orsa Gaisgeach na Sgiatha deirge. “Tha ’n sean barrachd ’s is urrainn thu ’dheanadh.” “Tha tri fiaclan an righ ann a’m’ phoca, ’s feuch an tusa bheir as ad,” orsa Macabh mòr. [TD 481] Nur a chuala Gaisgeach na Sgiatha deirge ca’ ’n robh bàs Mhacabh mhòir, bha da dhuille aige air a thoirt seachad ma ’n bhuille, da shàthadh ma ’n shàthadh, da fhriochdadh ma’n fhriochdadh, ’s bha ’n treas aon anns an talamh, gus an do chlaghaich e toll. Leum e’n sean an coimhir a chùil. Leum an gaisgeach mòr a ’ionnsuidh, ’s cha d’ thug e’n aire do’n toll, ’s chaidh e sìos ann gu teach an triubhais. Ràinig eisean air au seo, ’s thilg e dheth an ceann. Chuir e ’làmh ’na phòca, ’s fhuair e tri fiaclan an righ ann, ’s thug e leis ad, agus ràinig e’n caisteal. “Deanaibh saod domhs’ air an eilean seo fhàgail,” ors’ e r’a chomhdhaltan, “cho luath ’s is urrainn duibh.” “Cha ’n ’eil saod againn,” ors’ àdsan, “air am fàg thu e; ach fan leinn fhéin gu bràch, ’s cha bhi dìth bithidh na dibhe ort.” “Cha bhi ’chùis mar sean; ach mar an dean sibh saod air mo leigeil air falbh, bheir mi na tri cinn as na h-amhaichean agaibh,” ors’ eisean. “Tha curachan a bh’ aig do mhuime ’s aig t’ oide an seo, ’s cuiridh sinn leat i gus an d’ théid thu air tìr an Eirinn. An taobh a chuireas tu h-aghaidh falbhaidh i leat, ’s tillidh i air a h-ais a rithisd leatha fhé’. Tha ’n seo tri chalmain ’s cumaidh ad airdeachd riut air an rathad,” ars’ a chomhdhaltan ris. Chuir e’n curachan a mach, ’s shuidh e innte, ’s cha d’ rinn e stad na fois gus an deachaidh e air tìr an Eirinn. Thionndaidh e ’h-aghaidh a mach, ’s ma bha i luath ’tighinn, bha i na bu luaithe tilleadh. Leig e air folbh na tri chalmain a’ fàgail na h-eilthire. Bha duilichinn air gun do leig e air falbh ad leis cho bòidheach ’s a bha ’n ceòl a bh’ aca. Bha abhainn mhòr eadar e agus tigh an righ. Nur a ràinig e ’n abhainn chunnaic e duine liath ’tighinn ’na dheann, ’s e glaodhach, “A dhuin’ uasail fanaibh thall, gus an d’ thoir mise ’nall air mo mhuin sibh, ma’m fliuch sibh sibh péin.” “A dhuine bhochd, ’s cosail gur h-ann a’d’ phortair air an abhainn a tha thu,” ors’ eisean. “’S ann,” ors’ an seann duine liath. “Agus dé ’chuir ann thu?” ors’ eisean. “Innsidh mi sean duibh,” ors’ an seann duine liath. “Bhuail gaisgeach mòr dorn air righ Eireann, ’s chuir e tri fiaclan as, ’s dh’ fhalbh a dha mhac a thoirt a mach dioghlaidh. Dh’ fholbh balachan òg, amaideach a bu mhac dhomhsa leo, ’s nur a chaidh àdsan air thapadh chaidh eisean air mhiapadh. [TD 482] Bu shuarrach an dioghaltas leotha mise ’chur a’m’ phortair air an abhainn air a shon.” “A dhuine bhochd,” ors’ eisean, “cha ’n athais sean. Ma’m fàg mis’ am baile bidh thusa gu math.” Rug e air, ’s thog e leis e, ’s chuir e e ’na shuidhe anns a’ chathair a bha ri gualainn an righ e. “Cha ’n ’eil annad ach duine mìomh’ail a thàinig a’n bhaile. Chuir thu ’m bodach sin ’na shuidhe ri gualainn m’ athhar, ’s cha ’n fhaigh thu leat e,” orsa Ridire Chùirn, ’s e ’g éireachd ’s a’ breith air. “Air mo làimhsa, ’s air mo dha làimh a ’shaoradh, gum bu cho math dhuit breith air Cnoc Leothaid ’s breith ormsa,” orsa Gaisgeach na Sgiatha deirge ris ’s e ’ga leagail ris an talamh. Chuir e ceanghal nan tri chaoil air gu daor agus gu docair. Bhuail e buille de bhàrr a chois’ air, ’s thilg e thar nan seachd sparrannan a b’ airde ’bha ’s a’ chùirt e, fo shileadh nan lòchran ’s fo chasan nan con mòra. Rinn e ’leithid eil air Ridire Chlaidheimh ’s rinn an Ionmhuinn gàire. “Marbh-phaisg ort fhé,” ors’ an righ rithe, “tha thu o cheann bliadhna air chomh-biadh, air chomh-deoch rium, ’s cha ’n fhaca mi gean na gàire agad ga dheanadh gus am bheil mo mhic air am maslachadh.” “O righ!” ors’ ise, “tha fios mo riasain agam fhé.” “Gu dé, a righ, an sgreadail ’s an sgreuchail a tha mi ’cluinntinn o ’n a thàinig mi ’n bhaile; cha d’ fhuair mi fhaighneachd gus an seo,” arsa Gaisgeach na Sgiatha deirge. “Tha, tri fiaclan eich aig mo mhic ’gan sparrann a’ m’ cheann o cheann bliadhna le ord, gus am bheil mo cheann air dol roimhe chéile le brisdeadh cridhe, ’s le cràdh, ’s le dòruinn,” ars’ an righ. “Gu dé ’bheireadh thusa do dhuine ’chuireadh ann a’d’ cheann t’ fhiaclan fhéin gun neamh gun dòruinn,” ors’ eisean. “Leith mo staid fhad ’s a bhithinn beo, ’s mo staid air fad nur a dh’ fholbhainn,” ors’ an righ. Dh’ iarr e cann’ uisge, ’s chuir e na fiaclan anns an uisge. “Ol deoch,” ars’ e ris an righ. Dh’ òl an righ deoch, ’s chaidh fhiaclan fhéin ’na cheann, gu làidir daingheann, a chearta cho math ’s a bha ad riabh, ’s a’ h-uile té ’na h-àite fhéin. “Aha,” ars’ an rìgh, “tha mis’ aig socair. ’S tusa ’rinn an tapadh, ’s cha b’e mo chuid macsa!” “’S e,” ors’ an Ionmhuinn ris an rìgh, “a b’ urrain an tapadh a dheanadh, ’s cha b’e do chuid mac leibideach-sa, a bhiodh ’nan [TD 483] sìneadh an siùrra feamann nur a bhiodh eisean a’ dol air ghaisge.” “Cha ’n ith mi biadh ’s cha ’n òl mi deoch,” ors’ an righ, “gus am faic mi mo dha mhac ’gan losgadh am màireach. Cuiridh mi feadhainn a dh’ iarraidh cuallan glas-daraich airson an losgadh.” Anns a’ mhaidinn an la’r na mhàireach co ’bu mhoiche bh’ air a ghlùn aig leabaidh an righ, ach gaisgeach na sgiatha deirge. “Eirich as an sean a ghaisgich; de ’n aon ni ’bhiodh tu ’g iarraidh nach faigheagh tu?” ors’ an righ. “’Se ’n rud a tha mi ’g iarraidh do dha mhac a leigeil air folbh; cha ’n urrainn mi ’bhith an aon àite am faic mi ’gam milleadh ad,” ors’ eisean; “b’ fhèarr bearradh eoin agus amadain a dheanadh orra ’s an leigeil air folbh.” Thoilich an righ siod a dheanadh. Rinneadh bearradh eoin agus amadain orra. Chuireadh a mach as an àit’ ad, ’s coin a’s geocaich baile-mhòir as an déigh. Phòs agus chord an Ionmhuinn agus Gaisgeach na Sgiatha deirge. Rinneadh banais a mhair lath’ agus bliadhna, ’s bha ’n latha ma dheireadh dhi cho math ris a’ chiad latha. [Beurla] [TD 484-493] [Notes] [Beurla] [TD 494-495] LVII. THE TAIL. Told about thirty years ago by John Campbell, piper to his pupil, J. F. Campbell. [Beurla]