[C 1] AN COMUNN GAIDHEALACH BONN-STEIDH AGUS RIAGHAILTEAN Constitution and Rules FRITH-LAGHANNAN Bye-Laws An t-Sultuin, 1938 [C 2] Archibald Sinclair, “Celtic Press,” Glasgow. [TD 1] BONN-STEIDH AGUS RIAGHAILTEAN Constitution and Rules [TD 2] AN COMUNN GAIDHEALACH Air a shuidheachadh 1891. AINM. 1. Bithidh AN COMUNN GAIDHEALACH mar ainm air a’ Chomunn. RUINTEAN. 2. Is iad rùintean a’ Chomuinn a bhi a’ brosnachadh agus ag adhartachadh (a) Teagasg agus cleachdadh na Gàidhlige. (b) Cnuasachd agus leasachadh air litreachas na Gàidhlig, eachdraidh, ceòl agus ealdhain. (c) Gniomhachas nàiseanta Gaidhealtachd na h-Alba agus caitheamh an éididh Ghaidhealaich. Ann a bhith a’ leantainn agus ag cur ris na rùintean so, cumaidh An Comunn Mòd bliadhnail aig am bi co-fharpuisean agus foillseachaidhean, a reir nan rùintean sin, ag gabhail àite agus duaisean air an dìoladh. Cha bhi buntainn aig a’ Chomunn ri nithean pobullach no creidmheach. BUILL. 3. Bidh anns a’ Chomunn Buill Urramach, Buill Bheatha, Buill Chumanta agus Buill Riochdaichte. 4. Bidh muinntir a rinn seirbhis chomharraichte an aobhar Ceilteach air am meas airidh air a bhi ’nam Buill Urramach. Théid an taghadh a mhàin aig coinneimh de’n Chomunn agus le deagh-ghean, air a’ chuid as lugha, tri-cheathramh aireimh nam ball a tha ’s an làthair. Feumaidh an rùn Ball Urramach ainmeachadh a bhi air innseadh anns an litir a tha ag gairm na Coinneimh. 5. Faodaidh neach sam bith aig am bheil ùidh an rùintean a’ Chomuinn a bhi air a ghabhail a steach mar Bhall Beatha no Cumanta, ma chuireas ball ainm ris an iarrtas. 6. Faodaidh Buill Riochdaichte a bhi air an taghadh le Meuran a’ Chomuinn agus bidh aca gach sochair a tha aig Buill Chumanta. Faodaidh gach Meur aon riochdair a thaghadh air a’ Chomunn Mhàthaireil airson gach suim leth-chruin a phaidheas iad do ionmhas a’ Chomuinn. [TD 3] [Beurla] [TD 4] MEURAN. 7. Faodaidh Meuran de’n Chomunn a bhi air an cur air bonn an àite sam bith. Feumaidh, air a’ chuid as lugha, da bhall dheug a bhi anns gach Meur. Bidh rùintean nam Meuran a réir rùintean a’ Chomuinn. Socraichidh na Meuran a’ chìs a dh’fheumas am buill fhein a phàidheadh, agus cuidichidh iad ann an deilbh nam Mòd Ionadail. 8. Tha e ceadaichte do gach Meur riochdair a thaghadh gu bhi ’na bhall de’n Chomhairle Ghniomhaich ach feumaidh e bhi ’na bhall de’n Chomunn. 9. Gleidhidh gach Meur Coinneamh Ghnothaich am mìosa a’ Ghiblein, a’ Cheitein no ’san Og-mhios anns gach bliadhna airson taghadh luchd-dreuchd agus, ma rùnaicheas iad, riochdairean air a’ Chomunn agus air a’ Chomhairle Ghnìomhaich. 10. Cuiridh rùn-chleireach gach Meoir, gach bliadhna, eadar latha Coinneimh Bhliadhnail a’ Mheoir agus an treas là de’n Iuchar ’na dheidh, fios gu Rùnaire a’ Chomuinn a’ toirt, (a) ainmean an luchd-dreuchd a thaghadh aig a’ Choinneimh Bhliadhnail sin, (b) ainmean agus àitean fuirich a riochdairean air a’ Chomunn, (c) ainm agus àite fuirich a riochdair air a’ Chomhairle Ghniomhaich, agus (d) aithisg air àireamh nam ball agus air obair a’ Mheoir ré na bliadhna chaidh seachad. COMUINN DHAIMHEIL. 11. Faodaidh comunn co-ghnéitheach sam bith le deagh-ghean na Comhairle Ghniomhaich tighinn an daimh ris a’ Chomunn le cìs punnd Sasunnach ’sa bhliadhna a phaidheadh. Am feadh ’sa tha an comunn sin an daimh agus a’ leantainn air paidheadh, tha e ceadaichte dha aon de a bhuill, a dh’ fheumas a bhi ’na bhall de’n Chomunn, a bhi ’ga riochdachadh air a’ Chomunn agus air a’ Chomhairle Ghniomhaich. CISEAN. 12. Cha bhi e mar fhiachaibh air Buill Urramach cìs sam bith a phaidheadh. 13. Pàidhidh Buill Bheatha aon tabhartas trì ginidhean. [TD 5] [Beurla] [TD 6] 14. Paidhidh Buill Chumanta cìs cóig tasdain gach bliadhna, agus bidh so ri phàidheadh roimh laimh, air ceud là an Og-mhios. Faodaidh ainm Ball Cumanta sam bith a tha bliadhna air dheireadh gun phaidheadh a bhi air a thoirt dheth an ròla. COINNEAMHAN. 15. Bidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn air a cumail aig an aon àite agus aig an aon àm ris a’ Mhòd. 16. Aig coinneamhan a’ Chomuinn agus na Comhairle Ghnìomhaich is i a’ Ghàidhlig a bhios air a cleachdadh an coitcheannas, ach bidh e ceadaichte do bhall sam bith, ma’s docha leis, labhairt am Beurla. Air a’ chuid as lugha bidh aon de Choinneamhan na Comhairle Ghnìomhaich air a riaghladh an Gaidhlig. Bidh Gearr-sheanachas Coinneamhan na Comhairle Ghnìomhaich ann an Gaidhlig. 17. Aig a’ Choinneimh Bhliadhnail théid iomradh air gnothaichean na Coinneimh Ghniomhaich ré na bliadhna chaidh seachad a thoirt seachad, agus aithisgean air gnìomhachas nan Comhairlean Seasmhach; buil an taghaidh airson dreuchdan Cinn Suidhe, Iar Chinn Suidhe agus Comhairle a liubhairt, agus bheir an t-Ionmhasair aithisg air Cunntasan a’ Chomuinn. Bidh na h-aithisgean agus na h-iomraidhean so air gabhail riutha aig Coinneimh Shònraichte na Comhairle Ghniomhaich roimh làimh. 18. Théid Coinneamhan Araid de’n Chomunn a ghairm leis an Rùnaire air (a) iarrtas ris an cuir, air a’ chuid as lugha, cóig buill fhichead de’n Chomunn an làmh, no (b) rùn bho, air a’ chuid as lugha, dà thrian de na buill a bha’san lathair aig coinneimh de’n Chomhairle Ghnìomhaich, no (c) iarrtas na Comhairle Earalaich. 19. Faodar dleasnas coinneimh de’n Chomunn a riaghladh ma bhios deich buill fhichead ’s an lathair. 20. Théid uile choinneamhan a’ Chomuinn agus na Comhairle Ghnìomhaich a ghairm le litir a chuireadh leis a’ phosta gu gach ball deich làithean, air a’ chuid as lugha, roimh là na coinneimh. [TD 7] [Beurla] [TD 8] CLO-BHUALAIDHEAN. 21. Cuiridh An Comunn ri a rùintean le leabhran dreuchdach a chur a mach, le leabhraichean, duilleagan, is paipearan a choisinn duaisean aig na Mòdan a chlò-bhualadh, mar ri nithean freagarrach eile. Feumaidh, air a’ chuid as lugha, dara leth gach nì a théid a chlò-bhualadh a bhith an Gàidhlig. Faodaidh gach paipear, litreachas is ceòl, co-chruinneachaidhean fhonn agus òran, agus gach uile phaipear eile airson an tug An Comunn duaisean a bhi air a chlò-bhualadh leis A’ Chomunn ann an doigh a bhios goireasach do’n mhòr-shluagh. RIAGHLADH. 22. Bidh gnothaichean a’ Chomuinn air an riaghladh le Ceann Suidhe, trì Iar Chinn Suidhe agus Comhairle Ghnìomhaich air am bi (a) deich buill fhichead a théid a thaghadh bho bhuill Bheatha agus bhuill Chumanta a’ Chomuinn, a bhios ’nan luchd-labhairt Gaidhlig, no ag ionnsachadh Gàidhlig, (b) Riochdairean a thaghadh le na Meuran, a tha air iarraidh a bhi ’nan luchd-labhairt Gaidhlig, no ag ionnsachadh Gaidhlig, agus (c) Riochdairean bho na Comuinn Dhaimheil, a tha mar an ceudna air iarraidh a bhi ’nan luchd-labhairt Gàidhlig, no ag ionnsachadh Gàidhlig. Bidh an Ceann Suidhe agus na h-Iar Chinn Suidhe ’nam buill (ex-officio) de’n Chomhairle Ghniomhaich. Bheir an Ceann Suidhe, an t-Iar Cheann Suidhe as sine an dreuchd agus trian de bhuill thaghte na Comhairle gu crich an dreuchd aig ceann gach bliadhna mar aig ám na Coinneimh Bhliadhnail, ach bidh iad uile ion-roghnaichte air ath thaghadh. COINNEAMHAN NA COMHAIRLE GHNIOMHAICH. 23. Bidh air a’ chuid as lugha, dà choinneimh shuidhichte de’n Chomhairle Ghnìomhaich air an cumail gach bliadhna. Bidh a’ cheud aon diubh so, ris an canar “A’ Choinneamh Thùs-ghnothaich” air a cumail aig an aon àite agus gun dàil an déidh na Coinneimh Bhliadhnail. Bidh a’ Choinneamh eile, ris an canar “A’ Choinneamh Shònraichte,” air a cumail aig an àm [TD 9] [Beurla] [TD 10] a shuidhicheas a’ Chomhairle Ghnìomhach, a bhios, air a chuid as lugha, dà mhios roimh, no, air a’ chuid as fhaide, trì mìosan roimh na Coinneimh Bhliadhnail. 24. Bidh Coinneamhan Gnàthaichte na Comhairle Ghnìomhaich, ach a mhàin a’ Choinneamh Thùs-ghnothaich, air an cumail an Sruibhlea. 25. Théid Coinneamhan Araid na Comhairle Ghnìomhaich a ghairm leis an Rùnaire air rùn-suidhichte na Comhairle Ghnìomhaich no Comhairle na h-Earalach no air faotainn iarrtas ris an do chuir deich de bhuill na Comhairle Ghnìomhaich an làmh, ag ainmeachadh an aobhair airson am bheil a’ choinneamh ri coinneachadh. Théid na Coinneamhan Araid so a chumail aig na h-amannan a bhios air ainmeachadh anns na rùin-shuidhichte, no ma ghairmear na coinneamhan le iarrtas na Comhairle Earalaich. 26. Faodar dleasnas na Comhairle Ghnìomhaich a riaghladh ma bhios seachd buill ’san lathair. COMHAIRLEAN SEASMHACH. 27. Taghaidh a’ Chomhairle Ghnìomhach, aig a’ choinneimh Thùs-ghnothaich, bho bhuill na Comhairle féin seachd Comhairlean Seasmhach airson:—Ionmhas, Fòghlum, Clo-bhualadh, Craobh-sgaoileadh, Gnìomhachas is Ealdhan, Mòd is Ceòl agus Clann an Fhraoich. 28. Bidh an Ceann Suidhe (ex-officio) ’na bhall de gach Comhairle Sheasmhach. 29. Faodaidh Comhairlean Seasmhach aon phearsa no barrachd, a ghabhail mar cho-bhall, ach cha bhi guth taghaidh aig ball mar so mur bi e mar an ceudna ’na bhall de’n Chomunn. 30. Théid Fear-Gairme airson gach Comhairle Sheasmhach a thaghadh leis a’ Chomhairle Ghnìomhaich. 31. Cumaidh gach Comhairle Sheasmhach Gearr-sheanchas air an gnìomhachas féin, agus feumaidh Gearr-sheanachas gach Comhairle Sheasmhach a bhi air an toirt fa chomhar na Comhairle Ghnìomhaich a chum gabhail riutha. 32. Foghnaidh tri buill aig am bheil guth-taghaidh dleasnas Comhairle Sheasmhach a riaghladh. [TD 11] [Beurla] [TD 12] 33. Bidh e ’na dhleasnas air gach Comhairle Sheasmhach (ach a mhàin Comhairle an Ionmhais) aig a’ cheud choinneimh an déidh an stéidheachadh gach bliadhna, meas ullachadh air na tha ’nan rùn a chosd agus a chur gu Comhairle an Ionmhais a bheir aithisg air aig a’ Choinneimh Ghnìomhaich, agus feumaidh am meas ’na lànachd no mar dh’fhaodas e bhi air atharrachadh a bhi air gabhail ris leis a’ Chomhairle Ghnìomhaich mu’n téid an t-suim a mheasadh a chaitheamh. DLEASNASAN NAN COMHAIRLEAN SEASMHACH. 34. (1) Bidh Comhairle an Ionmhais cunntachail do’n Chomunn airson gach cùis-maoin a bhuineas dha, bidh ceannsal aig a’ Chomhairle air uidheamachadh an t-seòmar-ghnothaich, agus buntainn ri ceistean mu dhéidhinn cìsean agus ròla nam ball. Bheir a’ Chomhairle aithisg do’n Chomhairle Ghnìomhaich air meas nan Comhairlean eile, agus air gach tionnsgnadh cosdais, co-dhiubh a bhios sin bho Chomhairle no bho bhall de’n Chomunn. Feumaidh gach cunntas do am bheil An Comunn fo fhiachaibh a bhi air a thoirt fa chomhar na Coinneimh agus a bhi air gabhail ris, mu’n téid a phaidheadh. (2) Dealbhaidh Comhairle an Fhoghluim meadhonan, agus gabhaidh iad seòl, air teagasg na Gàidhlig adhartachadh agus air a h-eachdraidh ’sa litreachas a chur am meud, gu h-àraidh anns na sgoilean. Dealbhaidh i, no rannsachaidh i a mach, facail is dòighean labhairt a cho-fhreagras gu cothromach nòsan is innleachdan nuadha; agus foillsichidh i na mholas i o ám gu ám ann am mìosachan a’ Chomuinn, uair ’s a’ bhliadhna air a’ chuid as lugha. (3) Stiuiridh agus riaghlaidh Comhairle a’ Chlò-bhualaidh uile fhoillseachaidh clò a bhuineas do’n Chomunn, agus bidh aig a’ Chomhairle, an co-bhann ris an Fhear-dheasachaidh, ùghdarras thar leabhran dreuchdach a’ Chomuinn. (4) Ni Comhairle a’ Chraobh-sgaoilidh oidheirp air cur ri àireamh bhall a’ Chomuinn, Meuran a stéidheachadh; iarraidh a’ Chomhairle co-oibreachadh agus dàimh chomunn co-ghnéitheil agus sgaoilidh iad, an [TD 13] [Beurla] [TD 14] coitcheannas, aithne agus eòlas air rùintean a’ Chomuinn. Dealbhaidh a’ Chomhairle, an co-cheangal ris na Meuran Ionadail, Mòdan Dùthchail agus gabhaidh i ceannsal orra. Coimheadaidh a’ Chomhairle, mar an ceudna, thairis air obair Luchd-Teagaisg-Ciuil a dh’ fhaodas a bhi air am fasdadh leis a’ Chomunn. (5) Ni Comhairle a’ Ghniomhachais is nan Ealdhain cnuasachd is leasachadh air gnìomhachas nàiseanta na Gaidhealtachd agus air ealdhain Ceilteach adhartachadh. Ni a’ Chomhairle, trìd co-fharpaisean, foillseachaidhean agus féillean, agus seòl air bith eile a mheasas iad iomchuidh, dìchioll air toradh gnìomhachas Gaidhealach a thaisbeanadh agus malairt fhaotainn air a shon. (6) Ni Comhairle a’ Mhòid is a’ Chiuil oidheirp air mith-òrain a chruinneachadh agus air cur ri leas ciuil agus òran Ghaidhlig. Ullaichidh a’ Chomhairle clar-eagair agus dhuaisean a’ Mhòid airson riarachadh na Comhairle Ghnìomhaich, agus bidh a’ Chomhairle cunntachail do’n Chomhairle Ghnìomhaich airson riaghladh a’ Mhòid. (7) COMHAIRLE CLANN AN FHRAOICH. Bidh Coinneamhan na Comhairle air an riaghladh an Gaidhlig agus is i priomh dhleasnas na Comhairle Comunn na h-Oigridh a dhealbhadh. A’ CHOMHAIRLE EARALACH. 35. Cuiridh an Ceann Suidhe, na h-Iar Chinn Suidhe agus Luchd-Gairme nan Comhairlean Seasmhach Comhairle Earalach air bonn. Is e dleasnas na Comhairle beachdachadh air adhartas na h-obrach agus innleachd riaghlaidh a’ Chomuinn a dhealbhachadh. Buinidh a’ Chomhairle mar an ceudna ri gnothach sònraichte sam bith a dh’ fhaodas éirigh. Cumaidh a’ Chomhairle, air a’ chuid as lugha, trì coinneamhan gach bliadhna. TAGHADH NA COMHAIRLE GHNIOMHAICH. 36. Feumaidh ainmean airson dreuchdan Cinn Suidhe, Iar Chinn Suidhe agus bhall taghte Comhairle airson na bliadhna a leanas, a bhi air an nochdadh air a’ chuid as fhaide aig Coinneimh Shònraichte na Comhairle Ghnìomhaich. Théid na h-ainmean sin a [TD 15] [Beurla] [TD 16] chur an sgriobhadh agus an toirt do’n Rùnaire roimh, no, aig a’ Choinneimh. 37. Còig làithean deug, air a’ chuid as lugha, roimh ám na Coinneimh Shònraichte bheir an Rùnaire sanas do bhuill a’ Chomuinn gu’m feum ainmean an làmh-sgriobhainn airson nan dreuchdan sin a bhi ’na làmhan-san roimh, no aig a’ choinneimh. 38. Gun dàil an déidh na Coinneimh Shònraichte sgrìobhaidh an Rùnaire gu gach neach a chaidh ainmeachadh, ag innseadh dhasan, no dhithse, gu’n deach an ainmeachadh, agus a’ faighneachd a bheil esan, no ise, deònach an dreuchd a ghabhail ma theid an taghadh. 39. Ma’s éiginn taghadh a bhi ann cuiridh an Rùnaire, air a’ chuid as lugha, coig seachdainnean roimh an ám a shònraicheadh airson na Coinneimh Bhliadhnail, leis a’ phosta gu gach ball de’n Chomunn, paipear taghaidh air am bi ainm gach ball a chaidh ainmeachadh airson dreuchd, a’ fagail as an fheadhainn sin a tharruing air ais an ainmean. 40. Feumaidh na paipearan taghaidh a bhi an làmhan an Rùnaire, air a’ chuid as lugha, ceithir latha deug roimh an ám a shònraicheadh airson na Coinneimh Bhliadhnail, air neo chan urrainnear gabhail riutha. 41. Theid na paipearan taghaidh a chunntas roimh ám na Coinneimh Bhliadhnail leis an Rùnaire agus leis an Ionmhasair. Theid buil an taghaidh innseadh aig a’ Choinneimh Bhliadhnail. 42. Gleidhidh an Rùnaire na paipearan taghaidh fad bliadhna an deidh na Coinneimh Bhliadhnail, agus an deidh sin faodaidh e an cur as an rathad. 43. Bidh ùghdarras aig a’ Chomhairle Ghnìomhaich beàrnan a dh’fhaodas tachairt ’nan aireamh féin, no an dreuchdan Cinn Suidhe no an Iar Chinn Suidhe, a lìonadh agus seasaidh na h-òrduchaidhean sin gus a’ Choinneamh Bhliadhnail a leanas. LUCHD-DREUCHD. 44. Suidhichidh a’ Chomhairle Ghnìomhach air Rùnaire agus air Ionmhasair do’n Chomunn, agus air Fear-deasachaidh Leabhran a’ Chomuinn agus a mheud [TD 17] [Beurla] [TD 18] de luchd-cuideachaidh ’sa bhios feumail. Gleidhidh an luchd-dreuchd an àitean air na cùmhnantan agus ré na h-ùine a dh’fhaodas a’ Chomhairle Ghnìomhach a shonrachadh bho ám gu ám. Feumaidh an Rùnaire agus am Fear-deasachaidh a bhi comasach air Gàidhlig a labhairt, a leughadh agus a sgrìobhadh. Cha chumar dreuchdan Rùnaire agus Ionmhasair leis an aon duine. RUNAIRE. 45. Is iad dleasnasan an Rùnaire— (a) Uile choinneamhan a’ Chomuinn, na Comhairle Ghnìomhaich agus nan Comhairlean Seasmhach, no Comhairle eile, a ghairm, agus gearr-sheanachasan a chumail air gnothaichean nan coinneamhan sin. (b) Ròla bhall a’ Chomuinn a chumail. (c) Cùram a ghabhail air dearbhaidhean-sgrìobhte, agus gach nì a bhuineas do’n Chomunn agus cunntas a chumail orra. (d) Toirt thairis do Fhear - deasachaidh an Leabhrain Dhreuchdaich iomraidhean air coinneamhan a’ Chomuinn agus na Comhairle Ghnìomhaich, agus iomraidhean air bith eile a bhuineas do’n Chomunn, a Chomhairlean, Meuran no Comuinn Dhaimheil a dh’fhaodas a bhi freagarrach airson clò-bhualaidh. (e) Obair craobh-sgaoilidh is brosnachaidh a ghiulan a mach mar a dh’iarras a’ Chomhairle Ghnìomhaich. (f) Gach dleasnas eile a shònraicheas a’ Choinneamh Ghnìomhaich dha a dheanamh agus an coithcheannas obair a’ Chomuinn a stiuradh. IONMHASAIR. 46. Dleasnasan an Ionmhasair— (a) Cunntasan a’ Chomuinn a chumail. (b) Cìsean nam ball, nam Meuran is nan Comuinn Dhaimheil a chruinneachadh. (c) Coinneamhan na Comhairle Ghniomhaich agus Comhairle an Ionmhais a fhrithealadh. [TD 19] [Beurla] [TD 20] (d) Ràdh a thoirt air cunntasan a’ Chomuinn do Choinneimh Shònraichte na Comhairle Ghnìomhaich agus ’na dhéidh sin an ràdh agus na cunntasan fhaighinn air an sgrùdadh agus an ràdh sin a thoirt fa chomhar na Coinneimh Bhliadhnail a leanas. FEAR-DEASACHAIDH. 47. Dleasnasan an Fhir-dheasachaidh— (a) Aithisgean air coinneamhan agus obair a’ Chomuinn agus na Comhairle Ghnìomhaich, nan Comhairlean, nam Meuran agus nan Comuinn Dhaimheil a chur an leabhran dreuchdail a’ Chomuinn. (b) Tabhartais-litreachais airson an leabhrain dhreuchdail a sholar. (c) An leabhran dreuchdail a riaghladh air a leithid de dhoigh ’sa ni e ’na bhall brosnachaidh feumail do’n Chomunn. AM MOD. 48. Theid am Mòd a chumail gach bliadhna aig a leithid a dh’aite is a shonraicheadh, dà bhliadhna roimh an ám, aig gach Coinneimh Bhliadhnail. Mur bi, airson aobhar sam bith, an t-àite sin air a shocrachadh aig a’ Choinneimh Bhliadhnail faodaidh a’ chùis a bhi air a chur gu ruig na Comhairle Ghnìomhaich a chum a shuidheachadh tràth, an t-ám ri bhi air a shocrachadh bliadhna roimh an ám. LUCHD-SGRUDAIDH. 49. Bidh sgrùdair, no sgrùdairean, air a thaghadh gach bliadhna aig a’ Choinneimh Bhliadhnail, agus socrachaidh a’ Choinneamh sin na théid a phaidheadh dhàsan, no dhoibhsan. IONMHASAN. 50. Theid ionmhasan a’ Chomuinn a thasgadh ’na ainm an tigh-réidhe mar a shònraicheas a’ Chomhairle Ghnìomhach. Sònraichidh a’ Chomhairle Ghnìomhach co iad a dh’fheumas an ainm a chur ri barantasan, no [TD 21] [Beurla] [TD 22] orduighean, a tharruing airgid as an tigh-réidh, no a chur ri barantasan, no òrduighean. 51. Bidh tasgaidhean a nithear leis a’ Chomunn an ainm na muinntir sin a shònraicheas a’ Chomhairle Ghnìomhach gu bhi ’nan luchd-urrais air a’ Chomunn. Théid ionmhasan Urras na Féille a roinn leis a’ Chomunn a réir cùmhnantan Teist Urras an Féille. Bidh tìodhlacan, dìleaban, no sùimean eile a dh’fhaodas a bhi air an deanamh, no air am pàidheadh do’n Chomunn, a réir nan cumhnantan no nam bacaidhean a thaobh an toirt seachad, no mar chuirear gu feum iad. Ma tha na cùmhnantan no na bacaidhean air an gabhail riutha leis a’ Chomhairle Ghniomhaich, bithidh iad air an roinn a réir nan cumhnantan sin. FRITH-LAGHANNAN. 52. Faodaidh a’ Chomhairle Ghnìomhach Frith-laghannan a dheanamh a chum gnothaichean a’ Chomuinn a stiuireadh, agus airson gach gnothach a riaghladh nach ’eil air an ainmeachadh gu sònraichte anns a’ Bhonn-Stéidh so. ATHARRACHADH A’ BHUINN-STEIDH. 53. Chan fhaod am Bonn-Stéidh so a bhi air atharrachadh no air ath-leasachadh, ach a mhain aig Coinneimh Bhliadhnail a’ Chomuinn, le rian-suidhichte, air a chuid as lugha, trian de na buill a tha ’s an lathair. Feumaidh an Rùn airson atharrachadh no ath-leasachadh a bhi air a chur sìos roimh Choinneimh Shònraichte na Comhairle Ghnìomhaich no air a thoirt an sgrìobhadh do’n Rùnaire roimh ’n Choinneimh. Feumaidh a leithid de atharrachadh no ath-leasachadh a bhi air innseadh agus air a chur anns a’ chuairt-litir a tha ag gairm na Coinneimh Bhliadhnail aig a bheil e ri leigeil. [TD 23] [Beurla] [TD 24] [Blank] [TD 25] FRITH-LAGHANNAN Bye-Laws [TD 26] AN COMUNN GAIDHEALACH Air a shuidheachadh 1891. FRITH-LAGHANNAN. 1. Théid ainmeachadh airson bhall ùra a dheanamh air paipear a gheibhear bho ’n Rùnaire. 2. Cha téid ainm neach a chur air ròla nam ball gus an téid a chìs a phàidheadh. 3. Cha bhi ball a tha sè mìosan air dheireadh le a chìs air a mheas airidh airson dreuchd. 4. Théid leabhran-dreuchdail a’ Chomuinn a chur saor leis a’ phosta gu gach ball a nasgaidh. COINNEAMHAN. Gairm Choinneamhan. 5. Faodar an litir - chuairt a tha ag gairm coinneamhan a’ Chomuinn agus sanasan eile do bhuill a’ Chomuinn, cho fad is a tha Frith-lagh 4 a’ seasamh, a chur leis an leabhran-dhreuchd, no mar chuid de ’n leabhran, agus a chur leis a’ phosta fo ’n aon chuairsgean ris an leabhran. Fear-cathrach Choinneamhan. 6. Gabhaidh an Ceann Suidhe, no mur ’eil esan ’s an lathair, an t-Iar Cheann Suidhe as sine an dreuchd a tha ’s an lathair, a’ chathair aig coinneamhan a’ Chomuinn agus na Comhairle Ghnìomhaich. Mur bi an Ceann Suidhe no Iar Chinn Suidhe ’s an lathair taghaidh a’ Choinneamh am Fear Cathrach. Rian a’ Ghnothaich. 7. Aig Coinneimh Bhliadhnail a’ Chomuinn théid gnothach a riaghladh mar a leanas:— (a) Gabhail ri Gearr-sheanachas na Coinneimh Bhliadhnail roimhe. (b) Innseadh mu bhuil taghadh an luchd-dreuchd. (c) Beachdachadh air aithisgean is cunntasan. (d) Aite agus ám cumail a’ Mhòid. (e) Atharrachadh (ma tha sanas air) air a’ Bhonn-Stéidh. (f) Gnothach dligheach sam bith eile. 8. Aig coinneamhan na Comhairle Ghnìomhaich théid an gnothach a riaghladh mar a leanas:— (a) Gabhail ri Gearr-sheanachas na Coinneimh roimhe, Cumanta no Suidhichte, no Coinneamh Araid sam bith a chumadh ’na deidh. [TD 27] [Beurla] [TD 28] (b) Taghadh Chomhairlean Seasmhach (ma’s i a’ Choinneamh Thùs-ghnothaich a tha ann). (c) Aithisgean nan Comhairlean Seasmhach a réir òrduigh Riaghailt 27 de’n Bhonn-Stéidh. (d) Aithris air cunntasan an Ionmhasair (ma’s i a’ choinneamh a’ Choinneamh Shònraichte). (e) Rùintean a chur an dara taobh. (f) Ainmean airson dreuchdan Cinn Suidhe, Iar Chinn Suidhe, buill taghte dhe’n Chomhairle Ghnìomhaich agus luchd-sgrùdaidh (ma’s i a’ choinneamh a’ Choinneamh Shònraichte). (g) Sanasan air atharrachadh a’ Bhuinn-Stéidh ma tha sin ’s an rùn (ma ’s i a’ choinneamh a’ Choinneamh Shònraichte). (h) Sanasan air Rùintean. (i) Gnothach dligheach sam bith eile. 9. Faodar an rian-gnothaich atharrachadh aig coinneimh sam bith le cead na cuid as motha de na buill a tha ’s an làthair. Rian-stiuraidh aig Coinneamhan. 10. Feumar sanas a thoirt do ’n Rùnaire an sgrìobhadh aig a’ choinneimh (no roimhe sin), roimh an Choinneamh Ghnìomhaich aig am bheil Rùn ri beachdachadh air, a mhàin rùintean a dh’éireas as a’ Ghearr-sheanachas no á Iomraidhean nan Comhairlean. Feumaidh iarrtasan an Rùin a bhi air innseadh ’s an t-sanas a tha ag gairm na Coinneimh aig am bi an Rùn air a bhreithneachadh. 11. Chan fhaod ball labhairt ris an Rùn cheudna, no ath-leasachadh Rùin, ach a mhàin mar mhìneachadh, no le cead Fhir na Cathrach. 12. Cha ghabh Rùn-suidhichte ris an do ghabh coinneamh sam bith de ’n Chomhairle Ghnìomhaich a bhi air a chur air chùl le coinneimh a leanas an taobh a stigh de shè miosan, ach a mhàin le toil nam ball gu léir a tha ’s an làthair aig a’ choinneimh sin a leanas. 13. Gabhar ri taghadh le togail làmh, no, ma shonraicheas a’ choinneamh, le croinn-phaipearan. 14. Cha ghabh gnothach sam bith ach na dh’ ainmicheadh shuas a bhi air a riaghladh aig coinneimh sam bith mur ’eil lìon-chomhairle ’s an lathair mu ’n teid a’ choinneamh an ceann gnothaich. [TD 29] [Beurla] [TD 30] 15. Mur ’eil an ceann leth-uair an deidh na h-uarach a shonraicheadh airson na coinneimh lion-chomhairle ’s an làthair, bidh a’ choinneamh (a) ma’s Coinneamh Araid, air a cur fa sgaoil: (b) ma’s i Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn, no Coinneamh Shònraichte na Comhairle Ghnìomhaich, théid a cur dheth gu co-ainm an là air an t-seachdain a leanas, aig an aon àm agus anns an aon àite; agus mur bi aig a’ choinneimh lìon-chomhairle ’s an làthair aig ceann leth-uair bho’n ám a shonraicheadh airson na coinneimh faodaidh na buill a tha ’s an làthair gnothaichean na Coinneimh a riaghladh. (c) ma’s e coinneamh de’n Chomhairle Ghnìomhaich, a mhàin a’ Choinneamh Shònraichte, no Coinneamh Araid, faodar gabhail ri Rùintean airson na h-ath choinneimh agus ám na h-ath choinneimh a shuidheachadh, agus ’na dhéidh sin sgaoileadh. 16. Ma dh’ fheumar coinneamh a chur air ais, airson aobhar sam bith eile ach nach ’eil lion-chomhairle ’s an làthair cumar a’ choinneamh dhàileach anns an dearbh àite ris a’ cheud choinneimh, agus theid a cumail anns an aon àite agus aig an ám a shònraicheas a’ cheud choinneamh. 17. An ceann trì laithean an déidh gach coinneimh de’n Chomunn, de’n Chomhairle Ghniomhaich no de Chomhairle Sheasmhach sgrìobhaidh an Rùnaire Gearr-sheanachas na coinneimh agus cuiridh e fa chomhar Fhear-cathrach na coinneimh e airson a dhearbhadh agus an déidh dhàsan gabhail ris théid a sgrìobhadh ann an leabhar iomchuidh a’ Ghearr-sheanachais. COMHAIRLEAN. 18. Rùn-suidhichte a tha air a chur an Gearr-sheanachas ris an cuir uile bhall Comhairle sam bith an ainm, bidh an dearbh chumhachd aige ri rùn-suidhichte ris an do ghabhadh gu diongmhalta aig coinneimh de’n Chomhairle sin. 19. Faodaidh Comhairle Sheasmhach sam bith aon de buill féin a thaghadh gu bhi ’na rùnaire aice, a ni, airson na Comhairle sin, gach uile dhleasnas a ghiùlan a mach a bhiodh mar fhiachaibh air Rùnaire a’ Chomuinn. COSDAS SIUBHAIL. 20. Chan fhaigh ball de’n Chomhairle Ghnìomhaich [TD 31] [Beurla] [TD 32] pàidheadh sam bith bho’n Chomunn airson cosdas-siubhail gu coinneamhan na Comhairle no nan Comhairlean Seasmhach, ach a mhàin Fir-ghairme nan Comhairlean Seasmhach, ma shònraicheas a’ Chomhairle Ghnìomhach, a gheibh an cosdas a fhrithealadh aig coinneimh de’n Comhairlean féin. 21. Faodaidh buill cho - oibreach Chomhairlean Seasmhach, nach ’eil ’nam buill de’n Chomhairle Ghnìomhaich, ma shònraicheas a’ Chomhairle sin, paidheadh fhaotainn airson an cosdas-siubhail gu coinneamhan nan Comhairlean. 22. An uair a tha riochdair, buidheann riochdail no Comhairle Shònraichte air an cur air leth airson gnothach àraid faodaidh an riochdair, no buill na buidhne riochdail, no buill na Comhairle Sònraichte, pàidheadh fhaotainn airson an cosdas-siubhail, ma shònraicheas a’ Chomhairle Ghnìomhach, ann a bhi ag giùlan a mach na h-obrach. 23. Bidh cosdasan Cinn Suidhe a’ Chomuinn aig a’ Mhòd Nàiseanta air a chur ri cosdasan a’ Mhòid. ORDUGH NA COMHAIRLE GHNIOMHAICH. 24. Theid Buill Thaghte na Comhairle Ghnìomhaich a chur sios air an ròla anns an ordugh a tha a réir nan àireamh chomharran a fhuair iad. Far am faigh dà bhall an aon àireamh de chomharran théid an cur sios a réir òrdugh na h-aibideil. Is iad na Buill Thaghte a tharruingeas air ais gach bliadhna (1) na deich buill a tha aig ìochdar an ròla, agus (2) iadsan, ma tha iad ann, a chuir a’ Chomhairle an dreuchd an àite na feadhnach a thuit a mach. Tha an deichnear a fhuair na comharran as àirde ’s an taghadh air am meas gu bhi air an taghadh an àite na feadhnach a tharruing air ais ’s an doigh ghnathaichte, agus théid iadsan a chur air ceann an ròla ’s an dòigh a dh’ ainmichear cheana. Buill air bith eile a théid a thaghadh measar iad air an taghadh a chum beàrnan a lìonadh, agus dhiubhsan taghar iadsan a fhuair na comharran as airde airson na h-ùine as fhaide tha ri ruith, agus théid na buill sin a chur ’s an ròla anns an àite ’s an robh iadsan a chaidh rompa. AM MOD. Rian-stiuraidh. 25. Bidh Clar-eagair a’ Mhòid air a chur a mach [TD 33] [Beurla] [TD 34] an Gàidhlig is am Beurla agus théid a chlò-bhualadh aig ám a’ Mhòid roimh laimh sin. 26. Théid Clàr-ìnnsidh a’ Mhòid, mar an ceudna, a chur a mach an Gàidhlig is am Beurla, ach faodaidh ainmean nan co-fharpuiseach a bhi am Beurla a mhàin. Théid an Clàr-innsidh a chlò-bhualadh cho tràth agus is comasach e roimh ám a’ Mhòid. 27. Theid gnothaichean a’ Mhòid a ghiùlan air aghaidh cho fad agus is comasach e ann an Gàidhlig. 28. Bidh brigh-chuspair nan co-fharpaisean litreachais agus aithris anns a’ Ghàidhlig, no eadar-theangachadh gu Gàidhlig. 29. Aig seirbhis fhosglaidh gach Mòid liubhraidh Ceann Suidhe a’ Chomuinn òraid Ghàidhlig. Mur comasach dhasan a bhi ’s an làthair ainmichidh a’ Chomhairle Ghnìomhach neach a ghabhas a’ chathair agus a bheir seachad òraid Ghaidhlig. Mur ’eil an neach a ghabhas a’ chathair comasach air òraid Ghàidhlig a thoirt seachad ainmichidh a’ Chomhairle Ghnìomhach neach eile gu sin a dheanamh. Comhairle Ionadail. 30. Roimh là mu dheireadh na Dùdhlachd gach bliadhna gabhaidh Comhairle a’ Mhòid is a’ Chiuil seòl air Comhairle Ionadail a chur air bonn anns an àite a shuidhicheadh airson an ath Mhòid. Ma tha Meur de’n Chomunn anns an àite sin is i Comhairle Ghnìomhach a’ Mheoir sin eitean Comhairle Ionadail a’ Mhòid. 31. Taghaidh gach Comhairle Ionadail Fear Gairme, agus ma’s fheudar e, Cléireach Ionadail agus Ionmhasar Ionadail ach feumaidh an luchd-dreuchd sin a bhi air gabhail riutha leis a’ Chomhairle Ghnìomhaich mu’m bi iad air am meas seasmhach. 32. Théid an tuarasdal, ma bhios a leithid air a thoirt seachad, a tha ri a phaidheadh do’n Chléireach Ionadail a shocrachadh leis a’ Chomhairle Ghnìomhaich. 33. Taghaidh Comhairle a’ Mhòid is a’ Chiuil gach bliadhna dithis d’a buill féin a chum a riochdachadh air Comhairle Ionadail a’ Mhòid. Bidh Rùnaire a’ Chomuinn Ghaidhealaich ’na bhall (ex-officio) air Comhairle Ionadail a’ Mhòid. 34. Is iad dleasnasan na Comhairle Ionadail:— (1) am Mod fhoillseachadh le sanasan ’nan cearna féin agus tìodhlacan a sholar fa chomhar nan duaisean agus cosdas a’ Mhòid. [TD 35] [Beurla] [TD 36] (2) tallachan freagarrach a sholar airson a’ Mhòid agus nan Cuirmean-ciuil. (3) ullachadh a dheanamh comhla ri luchd-riochdachaidh Comhairle a’ Mhoid is a’ Chiuil agus ris an Ard Rùnaire airson rogha stiubhardachd agus giulan a mach cho-fharpuisean a’ Mhòid agus nan cuirmean-ciuil. (4) Luchd-Cathrach a thaghadh airson Cuirm Chiuil na Cloinne agus nan Cuirmean Ciuil Móra gu riarachadh Comhairle Mhòid is a’ Chiuil. (5) ullachadh a dheanamh airson ailean-cuirme a’ Mhòid a bhi air an reic gu h-ionadail agus cunntas a thoirt do Ionmhasair a’ Chomuinn air a shon sin. (6) iad a dheanamh obair sam bith eile a dh’iarras Comhairle a’ Mhòid is a’ Chiuil orra a dheanamh, agus an coitcheannas iad a chuideachadh ullachadh airson a’ Mhòid a ghiulan a mach. 35. Cuiridh an Ard Rùnaire agus an Cléireach Ionadail a mach gach bliadhna co-thagradh ag iarraidh tìodhlacan airson Ionmhais a’ Mhòid. 36. Suidhichidh Ionmhasair a’ Chomuinn an rian-cunntas a tha ri bhi air a chleachdadh leis an Ionmhasair Ionadail agus a dh’fheumas esan a ghiulan a mach. 37. Feumaidh gach cunntas os cionn trì puinnd Shasunnach (£3) an luach a dhìolas a’ Chomhairle Ionadail a bhi air a theisteadh leis a’ Chomhairle agus air a chur gu Ionmhasair a’ Chomuinn airson pàidheidh. Faodaidh cunntasan nach ’eil os cionn tri puinnd Shasunnach (£3) an luach a bhi, an deidh an teisteadh leis a’ Chomhairle, air am paidheadh leis an Ionmhasair Ionadail. 38. Théid cuiridhean airson seirbhis fhosglaidh a’ Mhòid, agus uile shaor-ailean airson a’ Mhòid, cuirmean-ciuil no cruinneachadh eile co-cheangailte ris a’ Mhòd, a chur a mach le Rùnaire a’ Chomuinn a mhàin, agus cha téid iad gu neach sam bith ach mar a shònraicheas Comhairle Mhòid is a’ Chiuil. Cuiridh an Cléireach Ionadail cho luath roimh ám a’ Mhòid agus is freagarrach e gu Rùnaire a’ Chomuinn ainmean na muinntir sin do’m miann le Comhairle Ionadail a’ Mhòid cuireadh no ailean-saora a thoirt seachad. 39. Cuiridh an Cléireach Ionadail dà là an déidh gach coinneimh de’n Chomhairle Ionadail leis a’ [TD 37] [Beurla] [TD 38] phosta gearr-sheanachas na coinneimh gu Rùnaire a’ Chomuinn. 40. An deidh cunntas - criochnachaidh leis an Ionmhasair Ionadail ri Ionmhasair a’ Chomuinn theid Comhairle Ionadail a’ Mhòid a chur fa sgaoil. 41. Ullaichidh Ionmhasair a’ Chomuinn, cho luath ’sa ghabhas an deidh gach Mòid, aithisg air tighinn a steach is cosdas co-cheangailte ris a’ Mhòd, agus cuiridh e an aithisg sin fa chomhar Comhairle an Ionmhais agus bheir iadsan an aithisg fa chomhar na Coinneimh Ghnìomhaich. LAMH-SGRIOBHADH RI URRASAN, Etc. 42. Bidh gach urras no dearbhadh-sgrìobhta do am bheil An Comunn an geall air a mheas daingnichte air a’ Chomunn ma chuireas an Ceann Suidhe, aon Iar Cheann Suidhe agus an Rùnaire an làmhan ris. 43. Cuiridh Fear Gairme Comhairle an Ionmhais, no dà bhall de’n Chomhairle sin, agus an t-Ionmhasair an làmh-sgrìobhaidh ris gach barantas is òrdugh gu airgiod a tharruing ás an tigh-réidh. Faodaidh barantas is òrduighean a tha air am pàidheadh do’n Chomunn a bhi air am fo-sgrìobhadh le làimh an Ionmhasair a mhàin. 44. Faodaidh An Comunn sumanadh, no a bhi air a shumanadh, fo’n ainm “An Comunn Gaidhealach” (The Highland Association) agus Ceann Suidhe, aon de na h-Iar Chinn Suidhe agus, Rùnaire a’ Chomuinn. 45. Mur ’eil an Rùnaire no an t-Ionmhasair an lathair, no am feadh agus a bhios dreuchd an dara aoin fosgailte, faodaidh dleasnas an dara fir a bhi air a ghiulan a mach leis an fhear eile. CEANN NA BLIADHNA. 46. Bidh bliadhna chunntasail a’ Chomuinn bho’n cheud là de’n Og-mhios gu ruig an là mu dheireadh de mhios a’ Chéitein anns a’ bhliadhna leanas. ATHARRACHADH AIR NA FRITH-LAGHANNAN. 47. Chan urrainnear na Frith-laghannan so atharrachadh ach le rùn-suidhichte dà thrian nam ball a tha ’s an làthair aig Coinneimh de’n Chomhairle Ghnìomhaich, agus sin an déidh sanas a réir Frith-lagh 10. [TD 39] [Beurla]