[DA 1] GAIRM AN DE MHOIR DO ’N T SLUAGH NEIMH-IOMPOICHTE, IOMPOCHADH AGUS BITH BEO. LE RICHARD BAXTER. EIDIR-THEANGAICHT’ O GHAILL-BHEARLA CHUM GAOIDHEILG ALBANNAICH, AIR IARTAS AGUS COSTAS EIRIONNAICH DHEAGH-RUNAICH OIRDHEIRC, CHUM LEASS COITCHEANN GAOIDHEALTACHD ALBA. CLO-BHUAILT’ ANN GLASSACHA LE ROIB. AGUS AIND. FOULIS CLOI- FHEARA AN OILL-TIGH. M. DCC. L. [DA 2] [Bàn] [DA 3] ABHAR NA H OIBRE SHO. ANNS an eolas ghairrid a bha ag-am air sheirbhisheach urramach foghlomta Chriost, Easpuig Usher, bu tric leish, o am gu h am bith ’g am bhrosdachadh, chum riaghail sduiridh a sgriobhadh, do gach inbhe fa leath, do luchd-aidmheil a chreiddeimh chriostuidh a shonraicheagh amach do gach neach a chuimhreann fein; ag toisheachadh leish na daoinibh neimh-iompoicht’ agus ag gabhail air m’ aghaidh chum nan leanba ann an Criost, agus ann a dhiaidh shin, chum nan daoine neart-mhor, ag coi’-measgadh cuiddeachaidh shonraicht’ ann aghaidh gach peacaidh fa leath, air am bheill iad teomadh. Thuig mi air iartas obbann ’san ann ar cead cho’-luadar, gu roibh sho ann a ruin roimh an am shin; agus dh’ innish mi dh’a, gu d’ rinneadh shin gu coi’-lionta cheanna le moran, agus gu b’ e ain-eolas-’san air mo laigsh’, a thug air a smuainteachadh gu roibh mi ni bu teomadh air an obbair na bha mi. Cho d’ fhoghainn sho leish, ach thug [DA 4] e ionsuidh eill’ or-m. ’Ta e ag-am r’a aidmheachadh nach do ghluaish impidh mi, oir cho bu lear dhomh gu roibh an-barr feim air tuille dheanamh, na bha deanta cheanna air an doidh shin: no gu bu chosmhuil domhsa tuille dheanamh. Agus air an abhar shin dheallaich mi rish; gun ruin air bith chum freagra thoirt air iartas. Ach o dh’ eag e, is tric a chuimhnich mi a bhriathara: agus dh’aom am meass mor agus urramhach a bha ag-am air mi, a smuainteachadh air iartas le cail-eigin do thlachd. Agus mar a bha e ann mo runi o cheann ghairrid, riaghail a sduireadh teaghlaich a sgriobhadh, thoishich mi r’a thoirt fa dearr, cia direach a dheanadh sho an t iul domh; agus gu labhrainn air staidd anama dhaoine fa leath, roimh an daimhe fa leath. Ann a lorg sho, chuirr mi romh-am le comhna Dhe, ghabhail air m’ aghaidh air a mhodh sho a leannas. Air tus, labhairt rish an t sluagh pheacach nach do bhiorragh le h aithreachas, agus anns nach bheill, sheadh, uirrid ruin pillidh, no air a chuidd a ’s lugha, nach bheill ag gabhail curaim do ’n obbair. Agus mheass mi gu b’ fheimeile dhoibh sho, impidh mhosglach na riaghail sduiridh amhain. Oir ’ta riaghail ag reimh-chiallachadh gu bheill daoine toilleach [DA 5] gluasachd d’ a reir: ach ’ta an dream re ’m bheill mo chead ghnothach, ann an suain pheacach le ’n toill, agus mar dhaoine gun mhothach, thug iad tharraish iad fein, do pheaca, le ciocras, Ephe. 4. 19. Anns an darra h ait, ’ta mo ghnothach rish an dreim shin ann am bheill cail-eigin do ruin pillidh, agus a ’ta ag gabhail curaim do ’n obbair; d’ an sduireadh gu fir-leassacha beathaidh coi’-lionta, chum as nach caill iad an saothair. Anns an treas ait, is eigin sheola thoirt do na criostuidhibh a ’s oige, agus a ’s laige, chum as gu bith iad air an daighneachadh agus air an togbhail suas gu b’uan mairtheannach. Anns a cheathramh’ ait, ’ta sheola r’a thoirt chum na criostuidh’ a chuil-sleamhnaich, agus a fhuair tuishle, a thogbhail gu tearainte. Os barr ’ta impidh agus sheola ann aghaidh cuidd do sheacharanaibh sonraichte na linn sho do ’n t saoghal, agus ann aghaidh cuidd do pheacaibh coitcheann milteach, ann mo ruin. Mar a bhuinneas do sheola thoirt do choguishibh a ’ta fa amharas buaireasach, rinneadh shin cheanna. Cho sgriobh mi sheola do’n t sluagh neart-mhor, do bhridh gu d’ fhuair iad uirrid eolaish o Dhia cheanna. Agus ’ta a chuidd dheirreannach sgriobhta do theaghlachaibh gu sonraicht’, a sheoladh nan daimhe fa leath, ann an [DA 6] coi-lionagh an dleasdanaish. Agus sgriobhadh cuidd diu shin cheanna: is ann ag Dia amhain ata fioss, am bith uin no athaish ag-am a sgriobhadh tuille. Air an abhar shin, foilshichidh mi gach cuidd dhiu sho leo fein, mar a sgriobh mi iad: gu h araid, do bhridh gu do dhealbhadh iad a sduireadh dhaoin’ anns gach inbhe fa leath, agus nach bu mhaith leam gu cuirreadh mead, no luach an leabhair, eagal orr’ a chongbhagh iad, o leaghadh nan nithe shin a sgriohhadh chum an leass. Dh’ fhoilshicheagh a chuidd sho, air tus, do cheann-ardaibh agus do pharantaibh r’a leaghadh gu tric ann an teaghlachaibh, ma ’ta luchd-tuarasdail, no clann neimh-iompoicht’ ac-a. Anns an darra h ait, do ’n dreim neimh-iompoichte shin r’a leaghadh, agus re smuainteachadh uirr-e, leo fein. Anns an treas ait, do ’n dreim a ’s saibhre, ann am bheill tiom-chroidh’ air bith, do na h anamaibh truagh sho, r’a toirt do ’n aittim mhio-naomha, ag am bheill feim uirr-e: mur bheill ni a ’s deishe ac-a laimh reu, r’a ghnathachadh, no r’ a thoirt uath-a. Gu mosgladh Dia shinn, a shaothaireachadh obbair ar slainte, chum tearmainn d’ ar n anamaibh fein, agus do anamaibh dhaoin’ eille, mar dheisciopla dileas fa cheansal an De uille- [DA 7] bheannuichte, Cruthai-fhear, Fear-saoraidh agus Fear-naomhachaidh an anama. Gu mosgladh Dia shinn chum sho a dheanamh, am feadh a mhairreas an la, la tairgshe nan gras’, agus mun tig oir-’n oich tinneish is baish: chum as nach spionar as fearrann nam beo shinn, ann am boilshgin ar neamh-churaim agus ann am meadhon ar n aingidheachd. Amen. RICHARD BAXTER. [DA 8] [Bàn] [DA 9] AN REAMH-RADH. Do gach neach mio-naomh’ a leaghas an leabhar sho; gu h araid do mo luchd eisteachd ann am baille, agus ann an sgireachd Chiderminster. Fheara agus a Bhrathaire. AIR bith do ’n Dia shioruidh a chruthaich shibh chum beathaidh bhioth-bhuain, agus a shaor shibh le h aon-mhac a ghraidh, an uair a chaill shibh shibh-fein, agus ar coir air sonnas, cuimhneach oir-ibh ann ar peaca agus truaidh’, dhealbh e an soisgeul, agus naishg e le a Spiorad e, agus sparr e air a luchd teagaishg a shearmonachadh do ’n t saoghal, chum as air bith do mhaitheamhnas air a thairgsheadh dh’ibh gu saor, agus air bith do neamh air a curr fa ’r coinne, gu feadadh she ar gairm, o ar n an-toill fheol-mhoir agus o leanmhuinn an t saoghail mhealtaich sho, agus eolas a thoirt d’ibh air a bheathaidh chum an do chruthaicheadh agus an do shaoradh shibh, mum basaich shibh gun tearmann. Cho do chuirr e d’ ar n ionsuidh faidh no Apstol, ag an roibh an teachdaireachd o fhoilsheacha [DA 10] neimh-mheadhonach, gidheadh, ’ta e ’g ar gairm le a luchd teagaishg gnathaichte, ag am bheill barrantas uaidh-fein an soisgeul ceadn’ a shearmonachadh, a chuirreagh ann ceill air tus le Criost agus le a chuidd Apstola. ’Ta an Tighearna re furrachras oir-ibh, is lear dh’a cia dearmadach air fein agus air ar crich dheirreannaich shibh, agus cia coi’-dheass shibh mu nithe shioruidh, mar dhaoine nach tuig ciod e ata ac-a r’a dheanamh no r’a fhullang: is lear dh’a cia dana ann am peaca, neimh-eagalach roimh bhagra, agus neamh-churamach m’ ar n anama shibh, agus gu bheill gniomhara luchd an neimh-chreiddeimh ann ar beathaidh, an uair ata creiddeamh nan criostuidhe ann ar briatharaibh. Is lear dh’a an la uabhasach dluth dh’ibh, an la ann an tionsgain ar shior-dholas, ar caoidh agus ar gearran gun tairbh’ ann an dorainn agus ann an an-dochas; agus reabaidh cuimhn’ ar n ammaideachd na h anama ass-aibh, mur gabh shibh roimh-e sho, le fir-iompocha. Is aithne do ’n Tighearna ar corr, ni ’s fearr na is aithne dh’ibh-fein e: agus o a thiom-chroidhe d’ ar n anamaibh peacach truadh, sparr e air a luchd teagaishg labhairt r’ibh ann a ainm fein, ar peaca agus ar truaidh’ fhoilsheachadh dh’ibh gu soillear, agus cia truadh ar crioch, agus cia bro- [DA 11] nach an t atharach’ a thig oir-ibh gu gairrid; ma theid shibh ach beagan ni s’ faidd’ air ar n aighidh. Mar a cheannaich e shibh le luach co’-daor, le fuill neimh-chiontaich a Mhic Josa Criost, agus mar a thug e dh’ibh gealla co’-choitcheann shaor air maitheamhnas peacaidh, gean-maith agus gloir shioruidh; dh’ iarr e air a luchd teagaishg, sho uill’ a thairgsheadh dh’ibh mar thiolaca De, agus earrallachadh oir-ibh smuainteachadh air mor-luach na tairgshe, agus air an fheim a ’ta ag-aibh uirr-e. Is truadh leish bith ag amharc oir-ibh bait’ ann an ro-churam saoghalt’ a-gus ann an ain-miannaibh, ag dian leanmhuinn diamhanaish chlainne bige, agus ag mio-bhuilleachadh ar n aimshir ghairrid luach-mhoir air nithe faoin, an aimshir ann am bu choir dh’ibh shibh-fein ulmhachadh fa choinne na beathaidh shioruidh; agus air an abhar shin, sparr e air luchd teagaishg an t soisgeil bith ag glaodhaich ’n ar diaigh, agus ag insheadh gu bheill shibh ag call ar saothair, agus ann cuntart ar n anam’ a chall mar an ceadna, agus bith ag foilsheachadh dh’ibh cia mor agus maith na nithe shin a gheibh shibh gun amharas, ma dh’ eishdeas shibh re gairm Dhe. Thug an luchd teagaishg geill do iartas an Tighearna, thainig iad d’ ar n ionsuidh leish an [DA 12] teachdaireachd a sparr e orr’ a shearmonachadh dh’ibh le durachd, ann am, agus ann an-am, agus thog iad an guth mar ghall-troimp, a leigeil ar sheacharana peacach rish d’ibh. Ach mo thruaidh! chum an dolaish-’sin agus ar leir-sgrioss fein, dhruidd shibh ar cluasa, ragaich shibh ar muinnealla, chruadhaich shibh ar croidhe fein, agus bhrish shibh an croidhe-’sin, chuirr shibh ar an aish iad chum Dhe, le h osnaihh; dh’ insheadh dh’a gu do reic iad a theachdaireachd r’ibh, ach nach b’ urr’ iad maith a dheanamh oir-ibh, no eisdeachd mheassara fhaghail ach gann. Och! nach tobbar deara suile luchd teagaishg, chum as gu guilleagh iad air son ain-eolaish am popuil ag am bheill criost, maitheamhnas, beatha shioruidh agus flaitheas na gloire, ann an tairgshe; gidheadh, ag nach bheill croidh’ a ghabhail eolaish orr-a, no d’ am meass do reir am mor-luaich! ag am feada Criost, gras agus gloir, bith, co’-mhaith re daoinibh eille, mur bhitheagh an ain-eolas agus an di-meass toilleil! O! nach lionagh an Tighearna ar n anama le tuille tiom-chroidhe do na truadhanaibh sho, chum ’s gu tilgeamaid shinn-fein, sheadh, ag an cossa, gu leannamaid iad chum an ionnada comhnuidh, agus gu labhramaid reu le dearaibh goirt. Shearmoinicheadh fadda [DA 13] do mhoran diu gun tairbh’ air bith, dhealbhadh briathara soillear so-thuigshinn, ach ’ta moran diu nach tuig: dhealbhadh briathara guinneach durachdach a thoirt mothachaidh dhoibh, ach cho mhothaich iad. Nan oibricheagh an impidh a ’s mo orr-a, mhosglagh iad. Nan oibricheagh na nithe a ’s blast’ orr-a, chataicheadh luchd teagaishg reu fein iad, agus bhuineagh iad an croidhe. Nam maothaicheagh am bagra borb a ’s uabhasaich’ iad, dh’ oilticheagh iad, air a chuidd a ’s lugha, roimh an ain-gidheachd. Nan cordadh firinn agus neamh-thruaillidheachd reu, chuirt’ impidh orr-a gun dail. Nan eishdeagh iad rish an Dia a chruthaich iad, agus re Criost a cheannaich iad, dh’ atharaicht’ an corr air ball. Nan eishdeagh iad rish an scrioptur naomha, cho b’ fhadda gus an tugtadh buaidh orr-a. Nan eishdeagh iad re reason, sheadh, rish an reason a ’s treishe, agus a ’s fearr, cho teagamh nach cuirt’ impidh orr-a gu luath. Nan eishdeagh iad re am fiosracha fein agus re fiosracha an t saoghail gu leir, leassaicht’ a chuish: sheadh, nan eishdeagh iad r’ an coguishibh fein, bhitheagh an staidd ni ’s fearr na ’ta i. Ach mur eishdear re gne air bith, ciod e tuill’ a nithear reu! ma nithear di-meass air Dia uamhasach neamha, co a bheirrear fa dearr! ma nithear di-meass [DA 14] air gradh luach-mhor agus air fuill rioghail an fhir shaoraidh, ciod e air am bith meass? mur creidd iad gu bheill gloir in-mhiannaicht’ anns na flaitheasaibh, agus ma ’s neimh-ni leo gairdeachas shioruidh. Ma ni iad sgeig air ifrionn, ma ni iad damhsa air bruaich an t sluichd gun iochdar, agus sugra re teinne milteach, an uair a bhitheas Dia agus daoin’ ag toirt rabhaidh dhoibh bith air am faichill: ciod e a nithear rish na h anamaibh truadh shin? Aon uair eille, ann an ainm Dhe nam flaitheasa, reicidh mi an teachdaireachd a sparr e or-m, agus fagaidh mi ag-aibh i, ann an sgriobha sheasmhach buan, d’ ar n iompochadh no d’ ar dideadh: d’ar n atharachadh no dh’ eiridh ann am breitheamhnas ’n ar n aghaidh, agus chum bith na fianaish ’n ar n aghaidh, gu d’ fhuair shibh aon uair cuirre durachdach gu pilleadh. Cluinnibhs’ uill’ a ’ta fa thraileallachd do ’n diabhol do ’n t saoghal agus do ’n fheoil. Shibhs’ a ’ta ag struidheagh ar n aimshir air toir suaimhneish thalmhuidh, agus ag bathagh ar coguishe, le mishg, le craos, le diamhanas agus macnus ammaideach, shibhs’ d’ an lear am peaca, gidheadh, a ’ta ’g a churr an gniomh, mar gu tugadh shibh dubh-’lan an De ulllea- [DA 15] chumhachdaich, agus gach do’rainn a ’s urr’ e a dheanamh, agus mar gu ’n abradh shibh rish doll g’ a chommas agus gun ar caomhnadh? cluinnibhs’ uille nach cuimhnich Dia, agus nach bheill ag gabhail tlachd ann nithibh naomha, am focall no ann a’radh an Tighearna, ann smuaintibh no ann iom-radh air beatha shioruidh; shibhs’ a ’ta neamh-churamach mu’r n anama nach basaich, agus nach buillich aon uair ag feachainn ciod i an staidd am bheill iad, am bheill iad mio-naomha, no naomhaichte agus deass r’ an taishbineagh ann lathair an Tighearna! cluinnibhs’ uill’ a pheacaich ann aghaidh soilshe, a thruaill shibh-fein le h ain-diadhachd, agus neimh-chreiddeimh, agus nach creidd focall De. An ti ag am bheill cluasa chum eishdeachd, eishdeagh e gairm ghras-mhor, gidheadh, uamhasach Dhe! ’ta suil aig-e oir-ibh fadd na h uine sho uille, ’ta ar peaca sgriobht’ ann an leabhar a chuimhne, agus cluinnidh shibh gu deimhin a rish e; ’ta an leabhar air coimhead Dhe anns an am sho, agus sgriobhaidh she air ar n anama e le h uamhasaibh; agus ann shin coimhididh shibh-fein e: a dhaoine peacach, is truadh gun fhioss ag-aibh ciod e ata shibh ag deanamh: agus co d’ am bheill shibh ag toirt oilbheim fadd na h uine [DA 16] sho! is dorchadas a ghrian fein ann lathair gloir na morachd shin, d’ am bheill shibh ag toirt mio-mhodh gach la, agus a bhrosduich shibh chum feirg ’n ar n aghaidh fein. Cho b’ urra na h aingle peacach a sheassamh ’n a fhianaish, ach thilgeadh urchuir uamhasach dhiu ann doimhne dorainn shioruidh! am bheill do croidhe ag cnuimhe diblidh mar shibhs’, oil-bheim a thoirt do Dhia gu dubh-’lanach, agus curr ann aghaidh an De uillea-chumhachdaich a ghairm o neimh-ni shibh! Och! nach bheill am fioss a ’s lugha ag-aibh air an staidd bhronaich ann am bheill na h anama shin, a bhrosduich an Dia neart-mhor ’n an aghaidh fein. Theid ag focal De le ’n do ghairmeagh o neimh-ni thu, air do bhagradh gu neimh-ni air t aish. Cuirridh gruaim a ghnuish ass d’ut, agus tilgidh she ’mach thu ann dorchadas iommallach. Cia toilleach dhiot na diabhola le ’n do bhuaireadh thu, ni ni bheill iad ach ag feitheamh ceadd an Tighearna, do d’ ghlacadh agus do d’ ghnathachadh mar an cuidd fein! agus ann shin bithidh tu ann ifrionn gun dail. Ma ta Dia ann a t aghaidh, ’ta gach ni ann a t aghaidh: ni bheill an saoghals’ ach mar ghain-tir dh’ut giodh mor do ghradh air: ni bheill thu ach air do choimhead ann gu [DA 17] la na feirge. Ta am breitheamh ag teachd, ta t anams’ ag triall. Sheadh, ann uine ghearr, deir do chairde gu d’ eug thu: agus chidh thu na nithe shin air am bheill thu ag deanamh di-meish anoish, agus mothaichidh tu gur fior an ni nach do chreidd thu ann am fearrann nam beo. Bheirr am bas leish arguimeint nach fead thu a fhreagradh: arguimeint a thilgeas bonn os ceann gu turr, do bhreishleach fhein-speisheil, agus do chonspoid ann aghaidh focaill agus slighe Dhe. Agus ann shin thig gradd-atharacha air t intinn. Ann shin bith a’ d’ neimh-chreidmheach ma ’s urr’ thu. Sheass ann shin rish gach briathar a bu ghnath leat a labhairt ann aghaidh nan scrioptura, agus ann aghaidh beathaidh neamhaidh naomha. Dean a chuish shin a thagragh ann lathair an Tighearn’ a bu ghnath leat a chonsachagh ann aghaidh do luchd teagaishg agus na h aittim shin air am bheill eagal De. Sheass ann shin re do sheann-bhar’ailibh, agus re do smuaintibh di-meassach air dicheall nan naomha: deassaich anoish do reason a ’s treishe, sheass suas ann lathair do bhreitheamh agus tagair gu duin’eil cuish do bheathaidh fheol-mhoir, shaoghalt’ agus ain-diadhaidh. Ach bitheadh fioss ag-at gu tagrar thu le neach nach fead thu a smadagh uai-t, mar a smadas tu do choimh- [DA 18] chreatuire. O! anamain thruaidh mhealta! ni bheill ach sgaile tanna feol-mhor eidir thu agus an shealla uamhasach shin, a chuirreas tosd or-t gu gairrid agus a bheirr ceol agus run eille dh’ut! co’-luath as a thairngeas bas an curtin sho, chidh thu ni a dh’ fhagas gun smidd thu. Agus cia gradd a thig an la agus an uair shin? mun caith thu ach beagan tuill’ uine re sugradh, mun ceallaich thu ach beagan tuille do lon so-bhlasta, mun teagair thu ach beagan tuille do ’n urram agus do ’n t saibhreas shaoghalta, struithear do chuibhreann, criochnaichear do sholas, triallaidh gach ni air an do shocraich thu t intinn, gach ni air an do reic thu do shlanai-fhear agus do shonnas; agus cho ’n fhagar ag-at ach an cuntas trom. Mar mheirleach ladronn, a shuigheas gu mishgeach ceol-mhor anns an tigh-leanna, ag ol na braidd, gus am bith a mhuinneal ann sas ag marc-shluagh a ’ta gu dian air a thoir, d’ a glacadh: is ionnann shibhs’. Am feadh ata shibh air mhishg le ro-churam agus solas feol-mhor, agus ag deanamh uaill ass abhar ar naire, ’ta am bas gu dian air ar toir, d’ ar glacadh, chum an t anam a spionagh ass-uibh, agus d’a iommain do ’n ait air am beag ata shibh anoish ag smuainteachadh. Abraibh an uair a bha shibh gniomhach dana ann [DA 19] am peacadh, gun roibh maor ag teachd le cabhaig, d’ ar glacadh agus d’ ar curr gu bas; giodh nach faiceadh shibh e, gidheadh nam bitheadh fioss ag-aibh gu roibh e re teachd, nach cuirreadh sho stadd air ar sugra, agus nach bitheadh shibh ag smuainteachadh air cabhaig a mhaoir, agus ag eishdeachd dh’ fheachainn cuin a bhuaileagh e an dorrus! is truadh nach tuigeadh shibh cabhag baish; giodh nach do rug e oir-ibh! ni bheill posta co’-luath rish! ni bheill maor air bith coi’-chinteach rish! coi’-chinteach as a bheirr a ghrian sollas d’ibh air maiddinn, giodh ta iommad mile aic-i re an ruidh anns an oiche: is coi’-chinteach a thig am bas gun dail oir-ibh, agus c’ait ann shin am bheill ar sugra agus ar solas? an toir shibh a dhubh-’lan gu fannoideach? an dean shibh ball-magaidh do ’n dreim a thug rabha dh’ibh? am fearr ann shin bith crabhach naomha, na saoghalt’ agus ain-miannach? agus ann shin co leish na nithe shin a theagair shibh? nach faic shibh gu bheill la agus sheachd-uin ag triall gun stadd, oich’ agus maiddinn ag leanmhuinn a cheile gu dluth, caidlidh shibh fein, ach cho chaddal d’ ar dorainn: ta ar triall’sa mall, ach is cabhagach am breitheamhnas a ’ta ann toir oir-ibh, glacaidh e shibh gu h obbann agus [DA 20] bheirr e shibh do dhioghaltas mar chabhartach. Is truadh gun ghliocas ag-aibh d’ a thuigshinn sho, agus a smuainteachadh air ar crich dheirreannaich. An ti ag am bheill cluasa chum eishdeachd, cluinneagh e, gairm Dhe ann la sho a shlainte. O! dhaoine peacach gun churam, is truadh gun fhir-eolas ag-aibh air mor-luach a ghraidh a ’ta shibh ag dearmad, agus air fuill luach-mhoir Chiost air am bheill shibh ag deanamh di-meish! och! gun fhir-eolas ag-aibh air saibhreas slainteil an t soisgeil! is mairg gun an t eolas a ’s lugha ag-aibh air cint agus firinn, gloir agus sonnas na beathaidh shioruidh, air nach socraich shibh ar n intinne, agus nach gabh shibh os laimh iarraidh os ceann gach ni. Na’m bitheadh ach an t eolas a ’s lugha ag-aibh air a bheathaidh gun chrich ann lathair Dhe, a bheatha a ’ta shibh anoish ag dearmad, cia gradd a thilgeadh shibh uai-bh ar peaca? cia gradd dh’atharaicheadh shibh ar n intinne agus ar beatha, ar giulan agus ar cuiddeachd, agus a philleadh shibh ar curam agus sruth ar ceatfadha chum sruth-chlaish eille? nach bu mhor am maga leibh aomadh leish a bhuaireas a ’ta anoish ’g ar mealladh agus ’g ar curr ar sheacharan? cia ead-mhor a mhosgladh shibh gu fear’ail, air toir na beathaidh ro-shonna sho? [DA 21] cia durachdach a dheanadh shibh urnaidh re Dia? cia deinneasach a bhitheadh shibh ag eishdeachd ag foghlam, agus ag fiosrachadh? cia fonn-mhor ann an smuainteacha air naoimh-reachd De? cia gealtach roimh’ pheaca, ann an smuain ann am briathar agus ann an gniomh? cia dileas ann an toilleachadh Dhe, agus ann am fas ann naomhachd? o! nach b’ adh-mhor an t atharachadh sho? ciod air son nach creiddeadh shibh, agus nach tugadh shibh geill do fhior-fhocall De, a leigeas rish d’ibh na nithe shioruidh glor-mhor sho? Sheadh, ceaddaichibh dhomh insheadh dh’ibh gur beag ar n eolas air an eidir-dheallacha shin a ’ta air tallamh fein, eidir a bheatha shin a dhiult shibh, agus a bheatha shin a roighnich shibh. ’Ta na daoine naomhaicht’ ann co’-chaint Dhe, an uair is gann ata do chroidhe ag-aibhse smuainteachadh air, agus an uair nach bheill shibhs’ ach ann co’-chaint an t saoghail agus na feola, ’ta an co’-luadar-’san air neamh, an uair ata shibhse ’n ar coicreachaibh air an ionnad naomha shin, agus ar bolg ag-aibh mar Dhia, agus shibh ag smuainteachadh air nithe saoghalta. ’Ta iadsan ag iarraidh shealla do ghnuish ghlor-mhoir an Aird-righ, an uair nach bheill shibhs’ ag iarraidh ni air bith a ’s airde na an tallamhs’. ’Ta iadsan [DA 22] ag teagradh fa choinne na beathaidh gun crich, ann am bith iad mar na h aingle, an uair ata shibhse gu saothaireach ag ruagadh nan samhla mealtach, agus ag teagradh nithe diom-buan nach meall shibh ach gairrid. Cia diblidh truadh a bheatha thalmhuidh, fheol-mhor, pheacach agus ain-diadhaidh, r’a coi’-meass re beathaidh spioradail luach-mhoir nan creidmheacha! is tric bu doillich truadh leam, bith ag amharc air mac-samhuil nan daoine sho, ag curr re drugaireachd shaoghalta, ag caitheagh am beathaidh le curam agus le saothair, gun ghne shollair, ach beagan loin agus eadaich, no beagan do thoic dhiom-buain, do shuaimhneas feol mhor, no do urram gaoitheil, mar nach bitheadh ni a bhu mho morluach ac-a r’a chuimhneachadh. Am bheill eidir-dheallacha eidir beatha nan daoine sho, agus beatha nam bruide shin a chaitheas an aimshir re h ith agus re h obbair, agus ag tarraing aile na beathaidh, amhain chum as gu bith iad beo? cho bhlaish iad an solas neamhaidh shin a ’s lon anama do ’n chreidmheach, agus air am bheill e ag teachd ann tir. B’ fhearr leam beagan do ’n cho’-fhurtachd a ’ta an reamh-smuainteachadh air an oighreachd neamhaidh ag toirt do ’n fhir-chriostuidh, le oil-bheimibh agus le fhullungas gu leir, na [DA 23] uillea-sholas agus soirbheacha mealtach a pheacaich. Cho b’ ail leam bith aon uair air mo bhiorradh gu diomhair le h agartas coguish, no le smuaintibh doillear uamhasach baish agus beathaidh re teachd, air gach eadail shaoghalt’ a theagair an droch shluagh, no rish an ionn doibh duil a bhith ac-a gu brath. Nam bithinn fein ann an staidd fheol-mhoir neimh-iompoicht’ luchd-aingidheachd, agus fioss ag-am ach air na nithe shin a ’s aithne dhomh, agus mi ag creidshinn ach na nithe shin a ’ta mi anoish ag creidshinn, shaoilinn gu bu reamh-bhlass air ifrionn mo bheatha: cia tric a smuaintichinn air uamhas an Tighearna, agus air la oilteil breitheamhnaish a ’ta ag teachd le moir-dheiffir do m’ ionsuidh! is cinteach gu bitheadh bas agus ifrionn ann mo fhraodharc do shior. Smuaintichinn orr-a anns an la, agus bhruadairinn orr-a anns an oiche; luidhinn shios, agus mhosglainn le geilt-chrioth, agus chaithinn mo bheatha gu h uamhasach, air eagal gu tigeadh bas or-m roimh’ iompocha. Bu bheag mo sholas ann aon ni a shealbhaichinn; bu bheag mo thlachd do chuiddeachd, agus bu bheag mo ghairdeachas ann aon ni saoghalt’ am feadh bu lear dhomh mi-fein fa fheirg agus fa mhallachd Dhe: b’ eagal leam an guth sho a chluintinn, “O! ammadain, ann nochd fein iar- [DA 24] rar t anam or-t.” Agus bhitheagh a bhreith uamhasach sho sgriobht’ air mo choguish, “Ni bheill shioth do ’n aingidh deir mo Dhia.” Isa. 48. 22. O! pheacacha truadh! Dh’ fheadadh shibh beath’ a ’s solasaiche na sho a chaitheadh, nam bitheadh shibh ach toilleach, do rireadh toilleach, eishdeachd re Criost agus teachd dh’ionsuidh Dhe. Dh’ fheadadh shibh ann shin tarraing dluth do Dhia le danadas, ar n athair neamhaidh a radh rish, agus earbs’ a dheanamh ass gu muinghineach. Ma dh’ amhairceas shibh air gealtanasa, feadaidh shibh a radh is leinn fein iad sho uille. Ma dh’amhairceas shibh air mallachd, feadaidh shibh a radh shaoragh uaidh-e sho shinn. An uair a leaghas shibh an reachd, is lear dh’ibh cia uaidh a shaoradh shibh; an uair a leaghas shibh an soisgeul, chi shibh ar Fear-saoraidh chi shibh sruth-chlaish a ghraidh, a bheatha naomha, agus fhulungas; feadaidh shibh a lorgachadh ann an obbair ar slainte, air a dheachainn, air a dheara agus air fhuill. Chi shibh am bas lan-chloite, neamh fosgailte gu farsaing reidh, ar n aish-eiridh agus ar gloracha daighnicht’ ann an aish-eiridh agus ann an gloracha ar Tighearna. Ma dh’ amhairceas shibh air an naomh-shluagh, feadaidh shibh ar brathaire agus ar co’-chompanaich a radh reu. Ma dh’ amhairceas [DA 25] shibh air daoine mio-naomha, is abhar gairdeachaish leibh gu do shaoradh shibh o ’n staidd shin. Ma dhearcas shibh air na neamha spear-ghlan, air a ghrein, air a gheallaich agus air na realta fior-ghlan gun aireamh, nach ionn d’ibh a radh, is glor-mhora gu neimh-chriochnaidheach gnuish ar n Arhair neamhuidh ’ne na na soilshe dealrach shin uille; agus is glor-mhora an sonnas a bheirr e mar oighreachd shioruidh d’a naomh-shluagh. Cho ’n fhacadh suil, cho chualadh cluas, agus cho do thuig croidhe duin’ an t shioruidheachd shonna ghlor-mhor a gheall an Dia nach breagaichear d’ a theaghlach reasont’ air tallamh, a bheirr geill d’a iartas. Ma smuainticheas shibh air an uaigh, feadaidh shibh a chuimhneachadh le gairdeachas gu bheill ar n Athair neamhaidh, ar Slanai-fhear beannuichte, agus an Spiorad glor-mhor, co’-dluth ann daimh d’ ar luaire, as nach feadar a dhio-chuimhneachadh no a dhearmad; ach aith-bheodhaichear e ni ’s cintiche, na na treabha luish-bheodh anns an earrach. Do bhridh gu bheill an t anam, freamh a choirp, shir-bheo; agus gu bheill Criost freamh a choirp agus an anama, shir-bheo. Sheadh, feadar am bas righ nan uamhas’, a chuimhneachadh le gairdeachas; do bhridh gu roibh duil ag-aibh rish, d’ ar sao- [DA 26] ragh, o fhuighleach peacaidh agus amhghair; agus leigeadh rish d’ibh na nithe sonna air an cualadh shibh iomradh, chum as gu mothaicheadh shibh o ar fiosrachadh fein cia luach-mhor a chuidd a roighnich shibh, iodhon, creiddeamh, naomhachd, agus neimh-chealgaireachd. Leigear a chuish fa ’r raidh fein a chairde caomh. Nach roighniche gu mor leibh, bith cinteach ass sonnas shioruidh, agus bith deass chum an saoghal sho fhag’ail air iartas baish, na ar beath’ a chaitheadh mar an aittim ain-diadhaidh, ag am bheill an croidhe trom-luchdaichte le deishteann, oraish, mishg agus ro-churam na beathaidh sho, agus air an tig am bas gu h obbann? nach bu sholasach ar beatha, nan deanta oighreacha neamha dh’ibh, agus nan tugtadh cint d’ibh air teassairginn an uair a dh’ fhagas shibh an saoghal sho? O! sheallaibh timchioll oir-ibh anoish, smuaintichibh ciod e ata shibh ag deanamh, agus na tilgibh uai-bh an dochas sho air son fir-neimh-ni. Cho toir an saoghal agus an fheoil mar-aon, d’ibh a leithid sho do dhochas solasach. Gun luadh air an an-rath a thairngeas shibh oir-ibh fein, ’ta shibh draghail do dhaoin’ eill’, am feadh ata shibh neimh-iompoichte. Is draghail do ’n uachdaran ar curr fa reachd. ’Ta [DA 27] shihh draghail d’ ar luchd teagaishg le bith ag curr ann aghaidh an t sollaish iuil a ’ta iad ag tairgsheadh dh’ibh. Ni bheill dragh air domhan a ’s mo leo, na ar peaca agus ar n an-rath. ’Ta shibh draghail do ’n rioghachd, agus ag tarraing dioghaltaish De uirr-e. Is eigin gur shibh ata ag buaireadh shioth nan Eaglaishe, agus ag bacagh ar coi’-reite, ar deagh riaghail, agus ar leassacha beathaidh. Is eigin gur masla draghail shibh do na h eaglaishibh ann am bheill shibh ’g ar foirneadh fein, agus do gach ionnad eill’ ann am bith shibh. Och! a Thighearna! Cia bronach an gnothach ann Sassonn fein, ann am bheill saibhreas an t soisgeil os ceann gach aon rioghachd eill’ air tallamh; ann am bheill teagasg co’-shoillear choitcheann; agus gach cuiddeach’ a b’ ail leinn, co’-dluth dhuinn; an uair a chosgair an cloidheamh shinn; an uair a ruidh dioghaltas mar theinne trid an fhearrainn; an uair a shaoradh shinn; agus a choi’-cheangail trocair coi’-iongantach shinn re Dia; rish an t soisgeul; agus re beathaidh naomha: sheadh, ann a dhiaidh sho uille, gu bitheagh ar caithreacha, ar bailte agus ar duthaich, air an lionadh le h an-barr do shluagh neamh-naomhaichte, agus air luishtreadh le h ailgheash agus ain-mein mar a chi shinn le [DA 28] mullad anns gach ait! shaoileadh neach ann diaidh an t sollaish, a chostaish, agus an dioghaltaish sho uille; agus ann diaidh trocair sho Dhe; gu deanadh sluagh na rioghachd sho coi’-cheangal dluth r’a cheile, gu pilleagh iad chum an Tighearna mar aon duine; agus dh’ ionsuidh an luchd-munaidh, ag caoidh am peacaidh, agus ag aslachadh orr-a gabhail leo, ann an uir-ishleacha follasach, ann an aidmheil peacaidh, ann an iarraidh maitheamhnaish o ’n Tighearna, agus ag guidheadh comhairle shlainteil d’ an sduireagh anns an am re teachd, agus gu b’ aitt leo bith riaghlaichte leish an Spiorad o ’n leath a ’s tigh, agus le minishteribh Chriost o ’n leath amach do reir focaill De. Shaoileadh neach ann diaidh uirrid reasoin agus dearbhaidh as a chualadh shibh: agus ann diaidh nam meadhona agus na trocair sho uille, nach d’ fhagagh ann ar measg, aon neach ain-diadhaidh, no an-saoghalta, no mishgeach, agus nach bheill ann am baille ann ar duthaich, namhad do naomhachd, no neach air am beag aith-leassacha creiddeimh, no beasa. Giodh nach do choi’-reitich shinn uille mu dheass-ghnatha araid, no mu mhodh riaghlaidh eaglaish agus rioghachd; shaoileadh neach gu bu choir dhuinn roimh’ an am sho cordadh mu ar beath’ a chaitheadh [DA 29] gu neamhaidh naomha; gu freagarach umhal do Dhia, agus d’a mhinishteribh, ann an shioth agus ann an gradh d’a cheile. Ach mo thruaidh, cia fadd o na beasaibh sho ar muintir! ’ta an-barr dhiu ann an iommad ait, ag socrachagh an croidh’ air nithe talmhuidh, gun iarraidh ac-a air rioghachd De agus a ceartas air tus, ach ag amharc air naomhachd mar ni gun fheim; ma chluintear urnaigh ’n an teaghlachaibh, cho ’n urnaigh intinneach dhurachdach gach la; ach briathara coi’-dheish gun sheadh, an uair thearc a chuirrear ann ceill iad; cho do theagaishgeadh eolas Chriost no coi’-cheangal nan grasa d’ an sliochd; cho do thogbhadh suas iad ann an teagasg an Tighearna, giodh do ghealladh sho ass an leath ann am baishte. Cho toir iad teagasg slainteil d’ an luchd-tuarusdail; ach ma ni iad an obbair cho ’n iarrar tuille. ’Ta barrachd do ghraostachd neimh-gheanmnaidh, do ’n ain-chaint mhallaichte, do mhionnaibh gairrishneach, agus do mhallacha oilteil ’n an teaghlachaibh na a chluintear do bhriatharaibh gras-mhor a ’ta chum foghlaim. Cia tearc teaghlach air am bheill eagal an Tighearna, agus a dh’ fhiosraicheas ann am focall De, agus d’a mhinishteribh, cia am modh air an coir dhoibh am beath’ a riaghlachadh, a- [DA 30] gus ciod e a ni iad! is tearc iad a ’ta toilleach bith teagaishgte agus riaghlaichte, agus ag am bheill duil chroidheil re beathaidh shioruidh! is iad a bhuidheann thearc a bheannuicheadh mar sho le Dia, gnath-fhocall nan coimhearsnacha. An uair a chi shinn cuidd dhaoin’, ag caitheagh am beathaidh le mishg, uaill, agus an-saoghaltachd, agus a chuidd mhor dhiu ag gabhail roi-bheagan curaim d’ an sonnas, giodh ’ta a chuish mulladach gun teagamh air bith, gidheadh, is gann dh’ fheadar an truaidh a leigeadh rish doibh, agus is gainne gu mor dh’ fheadar an teassairginn agus an aith-leassachadh; ach ann diaidh dhuinn gach ni a dheanamh a ’ta ann ar cumhachd, chum an teassairginn o am peacaibh, is eigin duinn cuidd diu fhag’ail mar a fhuair shinn iad. Ma thilgeas shinn amach iad do reir focaill De o cho’-chommunn na h eaglaish, ann diaidh dhoibh ar comhairl’ a dhiultadh gu rag-mhuinnealach; lassaidh am fearg ann ar n aghaidh gu brass, mar gu bu naimhde dhoibh shinn; lionaidh an anama le mio-ruin agus bruchdaidh iad oir-n i; is fearr leo doll ann ordo catha, ann aghaidh an Tighearna, agus a naoimh-reachd, ann aghaidh eaglaish, agus a mhinishtere; na ann aghaidh a pheacaidh bhas-mhoir. Sho staidd [DA 31] bhronach Shassoinn, ’ta ar n uachdarana cairdeil do ghiulan diadhaidh: ’ta sar-cho’-throm ag-ainn chum coi’-reite agus aith-leassacha creiddeimh agus beasa, agus is fadda le minishteribh tairrish an t soisgeil gus an faic iad eaglaish De fa dheagh riaghail, agus naoimh-reachd De mar riaghail beasa ag gach neach: ach is beag nach bheill cumhachd peacaidh an t sluaigh ag curr gach ni ann neimh-bridh. Is tearc ait ann am fead minishter tairrish an t soisgeil fior-fhoghlam smachdail Chriost a churr ann gniomh; no am peacach leish nach aithreach an giulan a ’s maslaich’, fhogradh ass co’-chaidre na h eaglaish, no, o cho’-ghabhail suippeir an Tighearna, gun bhith mar chuspair an-chaint ag cuidd mhoir do ’n t sluagh: mar gu bu ghlice na h anama ain-eolach neamh-churamach sho na an luchd teagaishg, sheadh na Dia fein, agus mar gu b’ fhearr an luchd riaghlaidh iad na an aittim rish an d’ earb Dia riaghail na h eaglaish. Agus mar sho, ann an la ar fiosrachaidh, an uair a bheirr Dia gairm dhuinn eaglaish fein aith-leassachadh, abraibh gu bheill na h uachdarana deonach, agus gu bheill na minishtere neibh-dhireach ro dheonach, gidheadh, ’ta an sluagh ro ain-deonach, ’ta iad dall agus cruadhaichte le peaca, air achd as gu bheill iad, sheadh, ann an la an t [DA 32] sollaish iuil agus tairgshe nan grasa, ceannairceach naimhdeil ann aghaidh an t sollaish ghras-mhoir, agus cho phill iad air impidh Dhe fein, a ’ta ’g an cuirreadh gu cairdeil, agus cho ghabh iad shealla d’ an ammaideachd, no eolas air an leass. Och! is truadh gun eolas ag sluagh Shassoinn anoish fein air na nithe shin a bhuinneas d’ an shioth mum follaichear o ’n suilibh iad! O! dhaoin’ ammaideach truadh! c’i an draoidheachd a lion ar n anama le h uirrid boille, agus ar croidhe le h urrid marabhantaish as gur naimhde co’-bhas-mhor dh’ibh-fein shibh! an ruidh shibh co’-chrossanta dhian chum dorainn, as nach fead focall De no impidh dhaoin’ ar n intinne atharachadh, ar lamhan a bhacadh, no stadd a churr oir-ibh gus am fag shibh ait ar teassairginn. Sheadh, a dhaoin’ aingidh cho mhairr a bheatha sho gu brath; cho ’n fhuirrich an fhoidhid sho r’ibh gu shioruidh. Na saoilibh gu mio-ghnathaich shibh ar Cruthai-fhear agus ar Fear-saoraidh; gu toir shibh geill d’a naimhdibh; gu truaill shibh ar anama fein; gu cuirr shibh dragh air an t saoghal; gu dean shibh ea-coir air an eaglaish; gu toir shibh oil-bheim do ’n t sluagh dhiadhaidh; gu cuirr shibh campar air ar luchd-munaidh; no gu bac shibh aith-leassacha creiddeimh; na [DA 33] saoilibh gu dean shibh sho uille, agus nach creann shibh air. Ni bheill fioss ag-aibh ciod e a chostas sho dh’ibh, ach gheibh shibh fioss air gu gairrid, an uair a gabhas an Dia co’-thromach cuntas d’ibh, agus a bhuinneas e r’ibh air modh nach do bhuinn ar n uachdarana saoghalta no ar n Aodhaire neamh-acarach r’ibh, mur gabh shibh roimh dhorainn shioruidh le fir-iompocha, agus le gradd-umhlachd a thoirt do ghairm Dhe. An ti ag am bheill cluasa chum eishdeachd cluinneagh e, am feadh ata ard-ghuth na trocair ag toirt cuirre dh’a. Is lear dhomh cunnuil aingidh a ’ta air tuinneachadh gu teann ann an anamaibh morain dhaoin’ ain-diadhaidh. Saoilidh iad nach bheill Dia co’-churamach mu smuainte, bhriathara agus ghniomhara dhaoine, as ata a chleir ag curr ann ceill doibh; agus air an abhar shin, is ro bheag an curam fein diu. Chum an ain-diadhachd sho a leigeil rish do ’n dreim shin, cuirridh mi orr-a na ceishte sho a leannas. 1. An saoil thu gur coi’-dheass le Dhia an duine no bruid thu? ma ’s eadh, cia a chruthaich agus a choimhid thu? mur eadh, bith cinteach [DA 34] gur maith leish do ghiulan a bhith mar dhuine. Ni bheill neach air bith co’-ammaideach as gu dean e obbair eallanta, gu tog e tigh no long, gun churam a ghabhail gu freagair iad am feim fein. Na leigeagh ar naire dh’ibh ammaideachd cho’-mhor a churr ass leath an De a ’ta neimh-mhearrachdach ann gliocas, as gu cruthaicheagh e creatuir co’-luach-mhor rish an duine, sgeadaichte le ceatfadhaibh co’-oirdheirc gun tuille curaim a ghabhail d’e. Ciod e mu’n d’ thug Dia dh’ut anam commasach air eolas a ghabhail air fein; ciod e mu’n d’ thug e croidhe dh’ut commasach air lassadh le gradh dh’a fein; ma ’s coi’-dheass leish am bith thu eolach no ain-eolach air; an toir thu gradh no fuath dh’a? nach faic thu ann an cruitheachd an t saoghail, gach ni cumta no dealbhta chum fheim-fein! ’ta na bruide ain-eolach air Dia; cho ’n urr’ iad gradh a thoirt d’a, do bhridh nach do dhealbhagh iad chum na criche sho; ach ’ta do chruth’sa ag dearbhadh gu do chruthaicheadh do Dhia thu, agus fa choinne saoghail eille. 2. An saoil thu gu bheill Dia uillea-lathaireach, neimh-chriochnaidheach, agus lan-fhoghainteach? mur saoil thu sho, ni bheill thu ag creid- [DA 35] shinn gur Dia e; agus is mi-reasonta r’a smuainteachadh gu do chruthaich Dia saoghal a ’s mo mor-luach na e fein! oir cho cho’-partaich neach air bith tuille na ata aig-e fein. Ach ma ’s eigin d’ut aidmheachadh gu bheill Dia uillea-lathaireach, agus co’-fhoghainteach do gach aon neach fa leath, as giodh nach bitheadh creatuir air bith eill’ aig-e r’a thoirt fa dearr, is eigin d’ut aidmheachadh nach bheill e neamh-churamhach mu chroidhe agus mu ghiulan clainn nan daoine: oir ’ta iad ann a shealla do shior. Is barr’ail mhaslach mu Dhia, mar bhith chriochnaidheach, neamh-fhoghainteach, neamh-lathaireach, a ’ta ag toirt air daoin’ a smuainteachadh gu bheill e neamh-churamach mu ’n croidh’ agus mu ’n giulan. 3. An saoil thu gur comma le Dia ciod e a tharlas do d’ chorp? an comma leish am bith thu tinn no slan? beo no marbh? ma ’s comma, co uaidh a fhuair thu beatha, slaint’ agus lon saoghalta? ma fhuair thu o neach eill’ ach o Dhia iad, innish co e? nach bheill thu ag guidheadh beatha agus slaint’ o Dhia? am bheill thu co’-an-dana as gu ’n abbair thu rish, cho dean mi bun ass do chairdeas, cho bhith mi fa d’ chom- [DA 36] main, air son beathaidh no loin laidh eille? ma ’ta thu co’-an-dana as gu’n abbair thu sho, is duine dall ain-diadhaidh thu. Ma shaoileas tu gu bheill speish ag Dia do d’ chorp, an saoil thu nach bheill speish aig-e do t anam, a ’s mo mor-luach? ma ’ta e ga t altram le saibhreas a mhaitheish nach traogh, bith cinteach nach coi’-dheass leish an toir thu gradh no fuath dh’a ann eiric a chairdeish. 4. An creidd thu gur e Dia Aird-riaghlai-fhear an t saoghail? mur e, ni bheill an saoghal fa riaghail cho’-thromaich air bith. Oir mar nach bheill cumhachd ag shith-bhreitheamh ach o an uachdaran; mar an ceadna, ni bheill cumhachd ag uachdaran ach o Dhia; ni mo ata uachdaran laghail ach fa ughdaras-’san. Ach mur bheill ughdaras ag Dia, ’ta an saoghal aimh-reidh. Ach ma ’s eigin d’ut aidmheachadh gur e Dia aird-riaghlai-fhear an t saoghail, cia neimh-ghlic agus mio-cho’-thromach an riaghlai-fhear a b’ ail leats’ a dheanamh dh’e, ma shaoileas tu gu bheill e coi’-dheass mu ruin agus mu ghiulan a chuidd iochdarana? ni bheill ann sho ach bith ag sheanadh gur Dia e. 5. Ma ’s coi’-dheass le Dia ciod e ata ann ar n intinnibh agus ann ar gniomharaibh. Ciod [DA 37] air son a dhealbh e lagh d’ar smuaintibh, d’ ar briatharaibh, agus d’ ar gniomharaibh? an sparragh e oir-’n an ni bu chomma leish? an toirmishgeagh e am peaca coi’-teann na ’m bu choi’-dheass leish giodh do chuirreamaid ann gniomh e? an geallagh e beatha shioruidh do ’n umhlachd naomha, na ’m bu choi’-dheass leish giodh do chaitheamaid ar beatha gu h eas-umhal mio-naomha? am bagragh e daoin’ ain-diadhaidh le h ifrionn na ’m bu choi’-dheass leish giodh do bhitheamaid ain-diadhaidh. Am bheill thu co’-ro-dhana as gu ’n abbair thu, gur maith leish an Dia chumhachdach naomha, an saoghal a mhi-riaghlachadh le breig, agus daoin’ a mhealladh gu h umhlachd? ’ta ag-ainn anns an lagh natura, cho ’n i amhain comhairl’ ar leass, ach dochas an t sonnaish shioruidh, agus bagar na dorainn bhioth-bhuain, ass eagmhuish nach feadar an saoghal a riaghlachadh; agus air chint cho ’n ann le mealtaireachd, ata gliocas gun mhearrachd, uiliea-chumhachd, agus maihteas nach traogh ag riaghlachagh an t saoghail. 6. Mur bitheadh Dia ro-churamach mu’r croidhe agus mu ’r giulan, ciod air son a dheanagh e an saoghal freasdalach dhuinn? nach d’ [DA 38] thug e grian, geallach agus realt’ a dheanamh an iuil dhuinn; an tallamh agus a luchd-aiteachaidh a fhreasdal d’ar feim, le’m blagh agus le’m beathaidh; agus an abbair thu nach bheill e ro-churamach mu’r croidh’ agus mu’r giulan? ’ta sho co’-ammaideach r’a radh, as giodh d’ abradh tu gu do chruthaich Dia an saoghal ann diamhanas, agus nach do ghabh e curam air bith dh’e o ’n am shin. 7. Mur bitheadh Dia curamach mu leass ar n anama, cho chuirreagh e a Mhac d’ ar saoradh, d’ ar glannagh o aingidheachd, agus d’ ar naomhachadh dho fein mar phopul dileas. ’Ta mor-luach-saoraidh an t sluaigh pheacaich, agus deadh-run iongantach Dhe, ann an obbair a tearmainn, ag taishbineadh, gu soillear ag taishbineadh, nach bheill e coi’-dheass mu pheaca, agus gur ro-mhor a ghradh air naomhachd. 8. Mur tugadh Dia fa dearr ar n anama agus ar beasa, cho tugagh e mar obbair d’a mhinishteribh bith ’g ar cuirreadh gach la chum aith-reachaish, agus naomhachd beathaidh, cho sparragh e orr-a uirrid saothair a bhuilleachagh air sluagh peacach, chum an cosnadh do Dhia; [DA 39] ni mo dh’ ordoicheagh e chum na criche sho, gach deadh ghniomh diamhair agus follas. Am bheill Dia ag sparragh an t saothair sho a bhuilleachadh air ni a ’s comma leish; 9. Ni mo a chloidheadh Dia daoin’ aingidh le h ifrionn na dorainn an taobh thall do ’n uaigh, no le dioghaltas uamhasach an taobh a-bhos d’i, mar ata na milte ag mothachadh; na’m bitheagh e coi’-dheass mu’n smuainte, am briathara agus an gniomhara. Shaoilinn gu tuigeadh daoin’ aingidh a ’ta ag osnaidh fa smachd coi’-tric, gu bheill suil ag Dia air an croidhe agus air an guilan. 10. Agus cia mar dh’ fheadas an spiorad naomha bith mar Fhear-naomhachaidh ag-ainn, ma ’ta Dia coi’-dheass, am bith shinn glan no neamh-ghlan? am bheill thu co’-ro-dhana as gu ’n abbair, no gu smuaintich thu gu do ghabh an Spiorad naomha obbair gun fheim os laimh? 11. Shaoilinn gu tuigeadh shibh, sheadh, o mhio-ruin a bhuaireadair, gu bheill Dia naomha, agus gur fuathach leish ea-coir; agus gur fior fhocall-’san, a ’ta ag toirt fioss duinn air dioghal- [DA 40] tas shioruidh a pheacaidh. ’Ta an scrioptur ag toirt fioss duinn air tuishle nan aingle, agus gu d’ rinn am peaca diabh’la do mhoran diu, agus eas-cairde mio-runach do shonnas an duine. Agus nach leor-shoillear dh’ibh gur fior shin? cia mar eill’ a bhitheagh iad ag buaireadh dhaoine co’-dhurachdach, mar ata shinn ag mothachadh o ar fiossrachadh fein? no mur lain-dearbha leish an neimh-chreidmheach sho, ciod uim’ a dhealbh iad coi’-lin in’leachd a tharraing dhaoine o an Dia, agus o an sonnas, mar a rinn iad? ciod uim’ a thaishbin iad iad fein do choi’-lin neach ann cruitheachdaibh agus ann riochdaibh uamhasach, agus mu ghnothaiche milteach, a ’ta gu leor-shoillear ag dearbhadh an corr mulladach deishteannach, an eas-cairdeas mallaichte do Dhia agus do dhaoinibh, agus an dian-thogradh chum daoin’ a mhealladh chum slighe peacaidh, d’ an crioch leir-sgrioss? mur creidd an neimh-chreidmheach gu bheill diabh’la do rireadh ann, no spiorada mio-runach truadh, d’ an do thilg am Messiah neart-mhor, urchur uamhasach o airde nam flaitheasa, chum doimhn’ ifrionn na dorainn, d’ an shior-chlaoidh air son an saint an-barraich inbhe, diabhla le ’m miann an cinnea-daon’ a tharraing le ’n in’leachdaibh chum [DA 41] an ionnada comhnuidh dorainneach fein; mur creidd an neimh-chreidmheach sho, thigeagh e agus reasonaicheagh e a chuish reumsa, agus gun dail air bith, bheirr mi dh’a coi’-lion dearbha gun teagamh, as nach bith smidd aig-e r’a radh ann aghaidh an cint agus am firinn, mur abbair e nach creidd e. Uirrid dearbhaidh, as nach toir mi buidheachas do ’n neimh-chreidmheach ain-diadhaidh air son geill a thoirt dhomh, mur toir e tharraish d’a reason, ann ait ceadd a thoirt d’a dearcagh air sollas iuil na firinn. 12. Fa dheoigh, ma shaoileas shibh do rireadh, gu bheill Dia (an t aird-riaghlaidh-fhear shioruidh, uillea-lathaireach, a ta ag congmhail suas an t saoghail le h uillea-chumhachd,) ag gabhail coi’-beag curaim do dhaoinibh agus d’ an gniomharaibh; agus gu bheill e coi’-dheass am bith iad naomha no mio-naomha, umhal no eas-umhal d’a lagh: ann shin, meassaidh shibh, mar mo bharr’ail, gur coi’-beag curaim is coir dh’ibhs’ agus d’ ar co’-brathairibh a ghabhail do na nithibh shin. Air an abhar shin is eigin domh da cheist a churr oir-ibh ann sho. 1. An comma leibh ciod e a labhras daoin’ eill’ [DA 42] um-aibh, no a ni iad oir-ibh? am bu taitneach leibh gu maslaicheagh, agus gu mio-ghnathaicheagh iad shibh; no gu cuirreagh iad teinne r’ar tigh, no r’ar bailtibh; no gu milleagh iad ar mnaidh, ar clann, agus ar ’n eallach; no gu cuirreagh iad shibh-fein ann gainn-tir, chum ar lot agus ar cosgraidh? ma ’s mor an t abhar gearrain leibh an an-chaint a bheirr daoin’ eille dh’ibh, agus an ea-coir a ni iad oir-ibh; am bheill shibh co’-mhor air boille, as gu saoil shibh nach olc leish an Dia uillea chumhachdach naomh’ an an-chaint a bheirrear, agus an ea-coir a nithear air fein, no air a luchd-muintiora, agus shin, le cnuimhibh coi’-diblidh re daoinibh, a chruthaicheagh le a lamhaibh fein? mur fagagh ar fein-speish dall agus claoin-bhreitheach shibh, bu lear dh’ibh gur toilteanaich’ ar tuille dioghaltaish aon pheac’ ann aghaidh Dhe, na deich mile do mhiltibh peac’ ann aghaidh thruaghana suarach mar shibh-se. Nach eidir-dheallaich shibh deagh fhear-tuarusdail, o dhroch fhear-tuarusdail? leanabh umhal, o leanabh eas-umhal? Mac a chuirreas anam ann cuntart air ar son, o mhac leish am fadda gus an leagar le saigheid baish shibh, chum ’s gu shealbhaich e-fein ar n oighreachd? carraid dileas o eas-carraid milteach? mur eidir-dheallaich, cho [DA 43] daoine shibh, ach creatuire eill’ ann riochd dhaoine. Ma dh’ eidir-dheallaicheas, ann shin, is meassa shibh na daoinibh, ma b’ ail leibh nach eidir-dheallaicheagh an t uillea-chumhachdach, ach gu gann, na h anama naomha le ’n ionmhuinn e os ceann an t saoghail gu h iomlan; o na h anamaibh mio-naomha nach toir fa dearr e. 2. Chuirrinn mar cheist oir-ibh am bu mhaith no am b’ olc leibh, gu tugadh na h uachdarana saoghalta fa dearr briathara agus gniomhara nan iochdarana? ma b’ olc leibh sho, ciod e a b’ aitt leibh, ach gu rachagh an saoghal uill’ air ai’-reite; gu feadagh am meirleach aim-beartach ar creachadh; gu feadadh luchd mio-ruin ar marbhadh agus ar murt; gu feadadh daoine santach ar n aitreabh, ar fearrann, ar n eallach agus ar maoin a thoirt uai-bh; agus gu feadadh luchd diolanaish agus adhaltrannaish ar mnaidh phosta agus ar n inghin’ a thruailleadh? anoish nan tarladh na nithe shin a b’ aitt leibh, b’ uamhasach ar dorainn! ach mur taitneach leibh an aimh-reite sho, ann shin, is daoine ro mhi-reasonta shibh, nam b’ ail leibh gu tugadh na h uachdarana saoghalta gniomhara dhaoine fa dearr, agus nach tugadh Dia, ard-uachdaran nan uille bheo fa dearr iad. Ma b’ ail leibh gu croch- [DA 44] adh na h uachdarana saoghalta an dream a ni ea-coir oir-ibh, agus nach buinneagh an t uachdaran shioruidh rish an dreim a ni ea-coir air fein, a ni di-meass air a lagh, agus tailceas air ughdaras, lochd a ’s mo gu neimh-chriochnaidheach na aon ea-coir a nithear air duine. Mar gu b’ ail leibh gu smachdaichteadh daoin’ ea-corach le maoraibh, gun riogh, gun bhreitheamh, d’an toirt fa dearr, oir ’ta riogh ni ’s ishle gu h an-mor fa ughdaras De, na ’ta maor fa ughdaras riogh. C’uim-e cheilthear an fhirinn! ’Ta daoin’ aingidh air tuitteam co’-fhadd o Dhia, agus co’-domhainn annt-a fein, as gu bheill iad mar Dhe ’n am barr’ailibh mearrachdach fein, agus cho ’n aithne dhoibh Dia, ach iad fein: agus air an abhar shin, b’ ail leo gu tugtadh fa dearr gach ea-coir a nithear orr-a agus maith a bheirrear dhoibh. Ach b’ ail leo nach cuirteadh ann suim air bith, an ea-coir a nithear air Dia, no an eas-umhlachd a bheirrear dh’a. ’Ta smuainte co’-mhaslach agus co’-mhio-mhor ac-a air Dia, (as giodh bu chreatuir mar iad fein e, nach fead bith ach anns an aon ait, anns an aon am,) as gu bheill iad ag toirt orr’ a fhreasdal a mhaslachadh agus a smuainteachadh nach cuirr e ann suim am maith no [DA 45] an t olc, agus nach toir e fa dearr an duine diadhaidh, agus nach smachdaich e an duin’ ain-diadhaidh, ach gu bheill e mar iodhola nam finneacha, ag am bheill suile leish nach lear dhoibh, cluasa leish nach cluinn iad, agus lamha leish nach cuirr iad cumhachd ann gniomh. Ach an uair dh’ fhosglas Dia leabhar a chuimhne, ann am bheill sgriobht’ an aittim shin air am bheill eagal fein agus a smuainticheas air ainm, agus an uair a deirr an Triath reu, anns an am ann an dean e suas a sheada, “Is leams’ an dream sho;” agus caomhnaidh she iad mar a chaomhnas Athair a Mhac umhal, ann shin thig daoin’ ain-diadhaidh g’ an ceill, agus saorar daoine diadhaidh o ’m fullangas agus o an eagal gu shioruidh, agus eidir-dheallaichidh am breitheamh luchd deagh bheasa, o luchd mi-bheasa, agus an dream a bheirr geil d’a, o ’n dreim nach toir. Mal. 3. 16, 17, 18. Chluinn mi cunnuil eille ro choitcheann ann am briatharaibh dhaoin’ ain-diadhaidh, gu h araid o cheann ghairrid: deirr shiad, “Cho ’n urra shinn gniomh air bith a dheanamh ass eagmhuish De; ’ta shinn gun ghras mur toir e dhuinn e; agus ma bheirr, pillidh shinn gu gradd; mur do reamh-ordoich e shinn chum sonnaish, [DA 46] agus mur pill e-fein shinn, am fead shinn shinn-fein a philleadh, no a theassairginn? cho ’n ann anns an neach a mhiannaicheas no anns an neach a ruidheas ata sho.” Agus ann shin saolidh iad gu bheill an leith-sgeul gabhta. Fhreagair mi a chunnuil sho cheanna, sheadh anns an leabhar sho fein; ach ceaddaichibh dhomh anoish an uirrid sho a radh. 1. Giodh nach urra shibh shibh-fein a theassairginn; is urra shibh deoch do neimh bhas-mhoir a ghabhail chum ar dochainn. Is e Dia amhain a naomhaicheas ar n anama; ach cia a thruaill iad? an gabh shibh deoch do neimh bhasmhoir gu deonach, do bhridh nach urra shibh shibh-fein a theassairginn? shaoilinn mur urra shibh mearrachd a pheacaidh a leassachadh, gur mo bu choir dh’ibh sgurr dh’e, agus bith air ar faicill roimh-e. 2. Giodh nach iompoichear shibh ach le gras sonraicht’ Dhe, gidheadh is feimeil dh’ibh fioss a bhith ag-aibh, gu toir an Tighearn’ a ghras, ann an gnathacha nam meadhona naomh’ a dheonaich e-fein chum na criche shin; agus feadaidh an gras coitcheann, neart a thoirt dh’ibh na meadhona shin a ghnathachadh; agus am peacadh milteach a chongmhail o bhrisheagh amach ann [DA 47] an gniomharaibh. Am fead shibh a radh le firinn, gu bheill shibh ag deanamh uirrid as ata ann ar commas? am fead shibh gabhail sheach tigh an oil, no deoch bhuaireasach a sheachnadh? no sgurr do ’n chommunn a chruadhaicheas ann am peaca shibh? am bheill commas ag-aibh doll dh’ eishdeachd focaill De, agus smuainteachadh air an teagasg a chluinn shibh, air pilleadh dh’ibh chum ar n ionnada comhnuidh? Agus smuainteachadh ann uaigneas, air ar staidd fein, agus air nithe shioruidh? am beill shibh commasach deagh leabhar a leaghadh, o la gu la, gu sonraicht’ air la an Tighearna, agus doll ann co’-chaint luchd eagail De? cho ’n fhead shibh a radh le firinn, gu do rinn shibh do reir ar commaish. 3. Agus air an abhar shin, bithibh cinteach gu caill shibh coir air gras agus cuiddeachadh Dhe, le ’r peaca toille, agus le’r neamh-churam, giodh nach fead shibh gun ghras, pilleadh re Dia. Mur dean shibh na dh’ fheadas shibh, is ceart do Dhia an gras shin a dhuiltadh dh’ibh, leish am feadadh shibh tuille mor a dheanamh. 4. Na smuaintichibh mu ordocha Dhe, gu do sgarr e a chrioch o na meadhonaibh, ach gu do choi’-cheangail e gu teann re cheill’ iad. Cho [DA 48] do reamh-ordoich Dia sonnas shioruidh riamh, ach do ’n t sluagh naomhaichte, no truaigh bhioth-bhuan ach do ’n t sluagh mhio-naomhaichte. Reamh-ordoich Dia coi’-chinteach o shioruidheachd, am bith barr ar fearrainn tarbhach no mio-tharbhach am bliadhan, agus a cheart aimshir a bhitheas shibh beo air tallamh; as a reamh-ordoich e an shealbhaich no nach shealbhaich shibh sonnas bioth-bhuan. Mheassadh shibh mar ammadan, an neach a sguirreadh do threabha, do churr, agus do chliatha, ag radh, “Ma reamh-ordoich Dia, gu bith barr m’ fhearrainn tarbhach trom, tarlaidh sho, giodh nach treabh, nach cuirr, agus nach cliath mi. Ma reamh-ordoich Dia saoghal fadda dhomh, meallaidh mi e, giodh nach ith agus nach ol mi; ach mur do reamh-ordoich e sho, cho chum bia no deoch beo mi.” An aithne dh’ibh am freagra bheirr shibh air a leithid sho do dhuine? ma ’s aithne thugaibh am freagra ceadn’ oir-ibh fein; oir is ionnann a chuish: ’ta ordocha Dhe coi’-chinteach mu ar corpa, as ata e mu ar n anama. Mur aithne dh’ibh am freagra, dearbhaibh gach co’-dhuna dhiu shin air ar corpa, mu ’n gabh shibh do dhanadas am feachainn air ar n anama: feachaibh ar tus an cum Dia suas [DA 49] shibh gun bhia, gun deoch, gun eadach, an toir e barr tarbhach dh’ibh, gun treabha, gun saothair; an treoraich e gu ceann ar n uighe shibh gun astar, gun dicheall: agus ma shoirbhicheas shibh ann sho, feachaibh ’n a dhiaidh shin, an treoraich Dia shibh chum fhlaitheish na gloire, gun ghnathacha dicheallach a dheanamh air meadhona nan grasa; agus suidhibh shios, agus abraibh, cho ’n urra shinn shinn-fein a naomhachadh. Mar a bhuinneas do ’n t saor-thoill, mu ’n do chonsaich shibh co’-fhadd: ni bheill na Diadhaire ag mio-chordagh uimp-i, co’-mhor as a shaoileas shibh. ’Ta Augustinus agus Pelagius, ’ta Calmhinus agus Arminius, ’ta a Chleir dhominicanach agus a Chleir Jesuiteach gu h aoin-sgeulach, agus gu coitcheann, ag dearbhadh saor-thoill an duine; deirr luchd an fhir-chreiddeimh, gu bheill an t saor-thoill truailte agus ag claonadh gu h aimh-leass. Thagair Epiphanius Origenes, air son gu dubhairt e gu do chaill an duine dreach na diadhachd, agus chuirr e sho ass a leath mar mhi-chreiddeamh. Gidheadh feadaidh neach a radh le firinn, gu do chaill an duine dreach na diadhachd; agus feadaidh nach eill’ a radh nach do chaill. Oir ’ta da dhreach [DA 50] dhiadhaidh air an duine: h aon diu natura, iodhon, reason agus saor-thoill, agus cho do chailleagh iad sho. Ta an dreach eille ceatfadhach, agus beasach, agus is i sho an naomhachd, agus chailleadh moran d’ i, ach dh’aishigeadh agus dh’ ath-nuadhaicheadh le gras i. Is neach gun tuigsh’ a dhiultas gu bheill toill anns an duin’ a ’ta saor do bhridh natuir, saor a sheachnagh uillc agus a leanmhuinn maitheish. Ach ni bheill i saor o dhroch-thograibh. Is cleachdainn d’i (o an-barr ain-eolaish agus mio-fhaicill,) bith gu tric ann aghaidh Dhe agus naomhachd, agus ag claonadh gu nithe talmhuidh feol-mhor. ’Ta i ’n a traill ag togra peacach. Shaoilinn nach feadagh an creidmheach criostuidh, no am mio-chreidmheach a thainig gu h aoish agus neart reasoin, sho a sheanadh no a dhiultadh. Ach is mulladach le m’ anam, ann diaidh m’ uille theagaishg agus m’ impidh, gu bheill e ag-am r’a aidmheachadh le dubh-bron, nach bheill deagh-thogra, no an t saor-thoill spioradail ann-aibh; oir nam bitheadh, cho ’n fheimeadh shibh a leithid sho do leabhar a churr impidh oir-ibh dorainn a sheachnadh, agus sonnas a roighneachadh. Ma ’ta easbhuidh na saor-thoille spioradail sho oir-ibh, cho ghabh shin ar leith-sgeul, ach meadaichidh e ar [DA 51] truaidh, agus an-tromaichidh she ar dioghaltas: do bhridh gu fead shibh righeachd air uirrid d’i, as a cheaddaicheas neamh-fhoir-fidheachd ar natuir dh’ibh a shealbhachadh. Oir ’ta shearmonach’ an fhocaill, eishdeachd churamach, agus giulan do reir an teagaishg fhallainn a chluinn shibh; ’n am meadhonaibh sonraicht’ agus ’n an sheola, chum righeachd air saor-thoill spioradail, no dian-thogra slainteil, a roighnicheas ar leass, agus a sheachnas ar n aimh-leass. Sheadh, a mhuintir ionmhuinn, ceaddaichibh dhomh tri athchuinge iarruidh oir-ibh, agus ann shin sguirridh mi. Leaghaibh an leabhran sho gu durachdach; agus ma dh’ fheimeas neach air bith d’ ar teaghlachaibh e, leaghaibh a rish, agus a rish e: agus nan rachadh luchd eagail De, o am gu h am, dh’ ionsuidh an coimhearsnach’ ain-eolach, agus an leabhar sho no a leithid eill’ air an steidh cheadn’ a leaghadh dhoibh, dh’ fheadtadh gu bitheagh iad ’n am meadhonaibh a chosnagh anama. Ma bhitheas shibh coi’-leasg mu ’r saothair, as nach leagh shibh air m’ impidh an teagasg aith-ghearr sho, chum ar slainte fein, ni bheill ach speish ro bheag ag-aibh d’ ar n anamaibh; agus is ceart an ni gu rachadh shibh am mugha. [DA 52] 2. Ann diaidh dh’ibh an leabhran sho a leaghadh a rish, agus a rish, sparrainn oir-ibh doll air uaigneas, agus an ni shin a leagh shibh a rannsachadh feadh tammaill, agus a smuainteachadh ag-aibh fein ann lathair an Tighearn’, am bheill e fior, am bheill e maothachadh ar n anama, agus am mithich leibh amharc mu ’r timchioll. Ghuidhinn oir-ibh mar an ceadna, gu lubadh shibh ar gluna gu h urramach crabhach, agus gu ’n aslaicheadh shibh air an Tighearn’, ar suile fhosglagh a learsainn na firinn; ar n anama iompochagh a thoirt graidh lasta dh’a fein; agus gu guidheadh shibh uaidh-e gach gras slainteil a dhearmaid shibh co’-fhadd, agus gnathaichibh an obbair shin o la gu la, gus an lain-iompoichear ar n anama. Os-barr, rachaibh dh’ ionsuidh ar n aodhaire, re ’n d’ earb Criost ar faodachadh chum iniltre na slainte shioruidh, agus a ’ta ag gabhail curaim d’ ar slainte, agus d’ ar tearmann spioradail, mar a ghabhas leigh curam d’ ar slainte chorporadh, agus iarraibh orr-a an t slighe air an coir dh’ibh triall a sheoladh dh’ibh; agus thugaibh fioss doibh air staidd ar n anama, chum ’s gu bith an comhairle agus an comhna ag-aibh mar chuiddeacha. No mur bheill fear teagaishg dileas ag-aibh, ann ar sgireachd fein, [DA 53] rachaibh dh’ ionsuidh fir eill’ a chuiddicheas leibh ann ar feim an-barrach. 3. Co’-luath as a gheibh shibh, le leaghadh, smuainteachadh, agus comhairle fir-theagaishg, mothachadh do pheaca agus do thruaigh; agus eolas ar dleastanaish, ar sonnaish, agus ar n ioc-shlainte; na deanaibh maille ach treigibh ar communn agus ar giulan peacach gun dail; agus pillibh re Dia, agus freagraibh a ghairm. Ma ’s ionmhuinn leibh ar n anama fein, thugaibh fa dearr nach diult shibh gairm ard-ghuthach Dhe, agus nach much shibh ar cogusha; chum ’s nach meassa dh’ibh ann an la a bhreitheamhnaish, na do Shodom agus do Ghomorrah. Iarraibh o Dhia eolas na firinn; mar a b’ aitt leibh ag-aibh e: agus na meallaibh ar n anama fein gu toilleil. Ransaichibh an scrioptur naomha gach la, agus feachaibh am bheill a chuish mar a chluinn shibh o ar luchd teagaishg; feachaibh an tearuinte dh’ibh shibh-fein earbsadh re neamh no re tallamh; am fearr dh’ibh Dia a leanmhuinn na duine; reason a leanmhuinn na ain-miann; am fearr dh’ibh ar beath’ a chaitheagh ann am fior-ghlain gun small, no ann am peaca graineil; agus an tearuint’ dh’ibh buanachagh ann an staidd neamh-naomhaichte aon la [DA 54] ni ’s faidde; agus ann diaidh dh’ibh ammus air an ni a ’s fearr, togaibh e mar roghainn gun dail. Ma b’ ail leibh bith dileas d’ ar n anamaibh fein; agus mur ionmhuinn leibh shior-dhorainn, guidhim oir-ibh, ann ainm an Tighearna gabhaibh a chomhairle reasonta sho. O! nach bu shonn’ an rioghachd sho, agus nach bu shonna gach baille agus duthaich int-i, nam b’ urra shinn impidh a churr air ar coimhearsnach’ aontachadh leish an earrail fheimeil sho! nach b’ aitt leish gach aodhaire dileas amharc air a thread ag fas naomha, neamhuidh do rireadh! B’ e sho coi’-reite, shith, tearmann, agus uaill ar n eaglaishe; sonnas ar coimhearsnach’, agus co’-fhurtachd ar n anama. Ann shin, cia h intinneach a shearmonaicheamaid shith agus fuasgla dh’ibh; agus a fhritheolamaid dh’ibh baishte agus suipper an Tighearna; na deass-ghnatha shin a ’ta ag ciallachadh nasga na shith? agus cia mor an gradh agus an gairdeachas leish an caitheamaid ar beath’ ann ar cuiddeachd? ag adhart ar baish, cia dochasach a bheirreamaid mishneach d’ ar n anamaibh, an uair a thriallagh iad chum saoghail eille? agus ann am ar n allacaidh cia croidheil a ghabhamaid ceadd d’ibh ag an uaigh, ann duil co’-dhail a chongmhail [DA 55] r’ ar n anamaibh ann an rioghachd nam flaitheasa; agus ann dochas ar corpa fhaicshinn, ardaichte chum an ionnaid ghlor-mhoir shin. Ach ma bhuanaicheas shibh ann an giulan neamh-churamach, ain-eolach, collaidh, saoghalta, agus mio-naomha; agus mur fead ar guidhe durachdach agus ar saothair, impidh a chur oir-ibh gun shibh-fein a leir-sgriossadh gu deonach; ann shin leannamaid eishempleir ar Tighearn’ a ’ta speisheil mu ’n bheagan shead’ a ’ta aig-e, agus mu ’n treadan a ghabhas an rioghachd neamhaidh mar oidhreachd, an uair a shealbhaicheas am mor-shluagh aingidh, an dorainn a thoill iad. Is tearc nithe luach-mhor an domhain. Ni bheill iommad grian, no geallach, anns an t saoghal sho. Is beag do ’n chruinne-che a ’s or, no a ’s airgid. Is tearc righre, flaithe agus ard-uaishle, ann am measg clainn nan daoine. Cho mhor ata gear-chuisheach, glic air tallamh. Air an abhar shin, ma ’ta an geata cumhainn, agus an t slighe aimh-leathan, is tearc iad a gheibh sonnas; gidheadh, gheibh Dia a ghloir, agus a sholas fein, anns a buidhinn theirc shin. An uair a thig Criost le ainglibh cumhachdach, ann an teinne lassaradh, a dheanamh dioghaltaish air an dreim nach gabh eolas air Dia, agus nach toir [DA 56] geil d’a shoisgeul, cliudhaichear a theachd leish a naomh-shluagh, agus is abhar iongantaish aitt e do gach creidmheach. Mar a bhuinneas do ’n chuidd eille do ’n chinnea-daona, mar dh’ aontaich Dia an t Athair an cruthachadh; agus Dia am Mac paineachas am peacaidh a ghiulan air a chroich, agus mar nach do mheass e am fullangas shin faon, giodh do bha fioss aig-e, le diulta naomhachaidh an Spioraid, gu milleagh iad iad fein, fa dheirre; mar an ceadna, giodh nach feadar iad shin a chruinneachadh chum Chriost, cho mheass luchd teagaishg an t Soisgeil gu bheill an saothair uille cailte. A leaghoir sguirridh mishe dhiot, an uair a leaghas tu an leabhar sho; ach cho do sguirr am peaca dhiot, sheadh am peaca shin a shaoil thu a dhio-chuimhnicheadh o chian fhadda. Cho do sguirr an diabhol diot, giodh nach faic thu anns an ams’ e. Cho do sguirr Dia dhiot, do bhridh nach ail leats’ gu sguirr thu air impidh-’sin, do ’n pheaca mhilteach, a fhuair lamh-ann-uachdar or-t. Sgriobh mi an impidh sho dh’ut, mar do neach ag am bheill fioss gu bheill e ag doll chum saoghail eille gu gairrid, saoghal, ann am faic e-fein na nithe shin air an do labhair [DA 57] mi. Mar a b’ ail leat am feasda mish’ a choinneachadh le gairdeachas ann lathair an Tighearn’ a chruthaich shinn le cheile; mar a b’ ail leat tearnagh o ’n phlaigh shioruidh a dheassaicheadh do gach neach a ni di-meass air sonnas; gach neach nach do naomhaicheadh le Spiorad nan grasa; agus leish nach ionmhuinn co’-chommunn nan naomha, mar bhall do ’n eaglaish fhior-ghlain choit-cheann; mar ata duil ag-at gu faic thu gnuish Chriost am breitheamh, agus morachd Dhe an Athair ann shith sholasaich; agus gu gabhar thu gu failteach chum rioghachd na gloir’ am feasd’, an uair dh’ iommainear lom-nochta ass fearrann nam beo thu; guidhim, guidhim or-t, cluinn gairm Dhe, agus freagair i; pill le ruin sheasmhaich anama, chum as gu shealbhaich thu beatha shioruidh. Mur gabh thu re cuirre Dhe, agus gun fhior-abhar ag-at a dhiultagh, ach t an-toill fein; ’ta mi ag toirt iartuish theann dh’ut freagragh air a shon sho, ann lathair an Tighearna ann an la a bhreitheamhnaish, agus ag sparragh or-t, fiadhnaish a thogmhail leams’ ann shin, gu d’ thug mi rabha dh’ut, agus gu bheill thu mar chobhartach ag an diabhol, cho ’n ann do bhridh nach d’ fhuair thu cuirre gu pilleadh chum beatha shon- [DA 58] na, ach do bhridh nach d’ thug thu creiddeas no geill do ’n chuirre; mar a dhearbhar os-barr le fiadhnaish Do chomhairlich dhurachdaich, RICHARD BAXTER. [DA 59] SUIM AN LEABHAIR SHO. Reamh-radh do an t sluagh neimh-iompoicht’, ag sparragh orr-a pilleadh, agus ag freagradh cuidd * chunnuile. An teagasg minichte. Teagasg 1. Is e lagh neamh-chaochladhach Dhe, gur eigin do luchd-aingidheachd iompochadh no basachadh. An Dearbha. Cunnuil. Cho bhith Dia coi’-mhio-throcaireach as gu cuirr e am mugha shinn. Am Freagra. Am Feim. Co iad na daoin’ aingidh, agus ciod e an t iompocha; agus cia am modh air an aithnichear am bheill shinn aingidh no iompoichte? An Co’-churr. Teagasg 2. Is e gealla Dhe gu bith daoin’ aingidh beo, ma philleas iad, gu h iom-lan, agus gu neimh-chealgach. An Dearbha. Teagasg 3. Is taitneach le Dia iompocha agus * objections. [DA 60] sonnas dhaoine, ach cho taitneach leish am bas agus an dorainn: is roighniche leish gu pilleadh agus gu mairreagh iad beo, na gu gabhagh iad air an aghaidh agus gu basaicheagh iad. Am Mineacha. An Dearbha. Teagasg 4. Dhaighnich an Tighearna le mionna, nach taitneach leish bas dhaoin’ aingidh, ach gur taitneach leish gu pilleadh agus gu mairreagh iad beo: chum as nach fagagh e abhar ac-a a chuish a churr an teagamh. Am Feim. Co anoish a ghabhas tlachd ann am peaca agus ann am bas dhaoine? cho ghabh Dia, no luchd-munaidh, no deagh-dhaoin’ air bith. Teagasg 5. ’Ta Dia co’-dhurachdach mu iompocha nam peacach’, as gu d’ ath-nuadhaich e iartas a rish agus a rish gu deinneachdach, ag radh, “pillibh, pillibh.” An Co’churr. Cail-eigin do chulla-bhrosdachaidh, chum geill a thoirt do ghairm Dhe, agus iompochadh. Teagasg 6. Dh’ aontaich Dia a chuish a reasonachadh re peacachaibh neimh-iompoicht’, [DA 61] agus a churr mar cheist orr-a, ciod air son is ail leo basachadh. Conspoid iongantach. 1. na ceishte. 2. an luchd-conspoid. Basaichidh luchd-aingidheachd, no leir-sgriossar leo iad fein. An Feim. ’Ta cuish luchd peacaidh mi-reasont’ air chint. An samhla reasoin tilgte bonn os ceann. Ceisht. Ciod air son ata daoine coi-mhi-reasont’, agus coi’-leasg a philleagh o an leir-sgrioss fein? Teagasg 7. Ann a dhiaigh sho uille, mur pill daoine, cho ’n i coirre Dhe, ach an coirre fein, ma theid iad am mugha. Basaichidh iad do bhridh nach ail leo pilleagh ach basachadh. Feim. 1. Is neimh-iom-chuidh do luchd-aingidheachd Dia a choirreachadh air son an dorainn. Oir theid iad am mugha, cho ’n ann do bhridh gu bheill Dia mio-throcaireach, ach do bhridh gu bheill iad ain-iochd-mhor agus mio-throcaireach dhoibh-fein. Cunnuil. Cho ’n fhead shinn shinn-fein iompochadh, agus ni bheill saor-thoill ag-ainn. Freagra, agus anns an reamh-radh. [DA 62] Feim 2. Cealgaireachd an diabhoil, mealtoireachd peacaidh, agus ammaideachd nam peacacha, foilshichte. Feim 3. Cho ’n iongantach giodh do bhacas daoin’ aingidh slaint’ agus iompocha dhaoin’ eille. Feim 4. Ni bheill namhad ag an duin’ a ’s mo na e-fein. Dearbha, gu bheill leir-sgrioss an duin’ uaidh fein. An-tromacha uabhasach an fhein-leir-sgrioss. Earrail co’-dhunaidh. Deich sheolaidh do ’n dreim leish am fearr pilleadh na basachadh. [DA 63] MEARRACHD A CLO-BHUALAIDH. Taobh-dhuilleog iv. line 12. leagh ruin. T. xxxvii. l. 20. l. maitheas. T. xxxviii. l. 15. l. ar.. T. 1. l. 1. l. 33. ann cuidd chornaibh. T. 1. l. 6. l. shibh. T. 3. l. 3. l. Dia. T. 5. l. 17. ann diaidh 2. l. teagasg. T. 5. l. 19. ann diaidh 3 l. teagasg. T. 6. l. 2. l. ath-. T. 9. l. 26. l. soisgeul. T. 10. l. 24. l. treorachadh. T. 23. l. 18. l. riarachadh. T. 24. l. 15. l. earrallaichir. T. 25. l. 7. l. ’n a. T. 37. l. 21. l. air. T. 38. l. 19. l. son. T. 50. l. 22. l. fioss. T. 61. l. 22. l. dilsheachd. T. 63. l. 15. l. basaich. T. 66. l. 14. l. eas-aontach. T. 69. l. 18. l. fioss. T. 73. l. 25. l. bas. T. 79. l. 5. mill comma ann diaidh ’n, agus sgriobh e ann diaidh sluagh. T. 90. l. 18. l. ceisht. T. 93. l. 18. l. fear. T. 94. l. 16. air son is l. i. T. 97. l. 12. l. leoghann ann cuidd chornaibh. T. 97. l. 25. l. mill an, ann cuidd chornaibh. T. 103. l. 11. l. triath. T. 137. l. 1. l. freagra. T. 172. l. 8. l. e re. T. 192. l. 26. l. ann. T. 197. l. 3. l. ar, ann diaidh cosg. T. 215. l. 6. l. freagra. T. 220. l. 11. l. 111 ann cuidd chornaibh. T. 241. l. 16, l. feascair. [DA 64] [Bàn] [TD 1] GAIRM DO ’N T SLUAGH NEIMH-IOMPOICHTE ESECIEL, 33. 11. ‘Abbair reu, mar is beo mi ars’ an tighearna Dia, ni bheill tlachd ag-ams’ ann am bas an aingidh, ach gu pilleagh an t aingidh o a shlighe agus gu mairreagh e beo: pillibhs’, pillibhs’, o ar droch shlighibh; oir ciod uime bhasaicheas shhibh, o thigh lsrael?’ B’ Iongantas ua’bhasach le moran comh-maith as leamsa, bith ag leaghadh anns an scrioptur naomha, cia tearc an dream a theasairgir; agus gu bith a chuidd a ’s mo do ’n dream a ghairimir, air an druiddeagh amach o rioghachd nam flaitheasa gu shioruidh, agus air an cloidh le diabhlaibh ann an teinne bioth-bhuan. cho chreidd an neimh-chreidmheach sho, an uair a leaghar e, agus air an abhar shin, is eigin gu mothaich e gu trom e. is eigin do ’n aittim a chreiddeas e, an guth a churr le h ard ghlaodh Phoil, Rom. 11. 33. ‘o doimhne saibhrish. [TD 2] mar-aon agus eolaish De! cia doth-ransachaidh a bhreitheamhnas, agus doth-sgrudaidh a shlighe!’ ach ’ta reason fein ag teagasg coirre na droch-oibre agragh air an dream a rinn i. uime shin an uair a chi shinn droch gniomh air bith, brosduchaidh fonn ceartaish shinn a ransachagh amach an ughdair, chum as gu giulaineagh e do-choir mhaslach a ghniomh, mar a mhi-chliudh fein. ma chi shinn duine milte, agus air a ghearra ’n a bhloidibh air an t slighe; nach glaodh shinn air ball, ‘oh! co a rinn an t ain-iochd?’ ma mhilleas neach baille le teinne gu deonach, nach fiosraicheadh shibh gu gradd, ‘co an t ifrionnach a rinn sho?’ mar an ceadn’ an uair a leaghas shinn gu bith moran mar athaine teinne ann an griosaich ifrionn gu shioruidh; nach eigin duinn a smuainteach’ ag inn-fein cia mar a tharlas sho? co an coirreach? co is abhar ain-iochd-mhor do ’n truaidh’ sho? agus is tearc neach a dh’aidmhicheas a chionta. aidmhichidh gach duine gur e an diabhol an coirreach: ach cho fhreagra sho do ’n cheist, do bhridh nach e am priomh-ughdar. cho ’n eignich, ach brodsduchaidh she daoine gu peaca; agus bheirr e an roghain doibh, a dheanamh, no gun a dheamh. cho ghiulain e daoine chum tigh na mishge; cho ’n fhosgail e am beul le foir-neart, a thaosgadh deoch bhuaireasach ant-a. cho ghlac e coimh-teann iad, as nach fead iad doll a thoirt [TD 3] umhlachd do Dhia: agus cho ’n eignich e an anama o smuaintibh naomha. uime shin, ’ta a choirre r’a fagail eidir Dhia fein, agus am peacach; is eigin gur e an darra neach dhiu, priomh-abhar na truaidh sho uille, cia air bith e; oir ni bheill neach eille r’a choirreachadh: diultaidh Dia a choirre sho, agus cho ghabh e air fein i: agus is tric leish a pheacach aingidh gu diult e a gabhail air fein. is i sho a chonspoid a ’ta r’a reiteachagh ann mo theagasgsa. ’Ta an Tighearna ag gearran air an t sluagh; agus ’ta an sluagh ag coirreachagh an Tighearna. ’ta a chonspoid sho laimhshichte, caib. 18. 25. ann an abbair an sluagh gu soilleir, agus gu h an-dana; ‘nach bheill slighe an Tighearna co’-thromach.’ arsa Dia; ‘is i an slighes’ nach bheill co’-thromach.’ caib. 33. 10. ars’ an sluagh; ‘ma bhitheas ar sheacharana agus ar peaca oir-ne-fein, agus gu basaich shinn ant-a, cia mar a bhitheas shinn beo’?’ mar gu ’n abragh iad, ma bhasaicheas shinn gu truadh, am fead shinn a leassachadh? mar nach b’ i sho an coirre sin ach coirre Dhe. ach ta Dia ann am briatharaibh mo theagaishg ’g a shaoradh fein uaith-e, agus ag insheadh dhoibh cia mar dh’ fhedeas iad an truaidh sho a bhacadh ma shantaicheas iad: agus ag curr impidh orr-a meadhona feimeil chum na criche shin a ghnathachadh; agus mur gabh iad r’a impidh, ’ta [TD 4] e ag toirt fioss doibh gu bheill coirre an truaidh ac-a fein; agus giodh nach toillich sho iad, cho sguirr e d’ an smachdachadh. is e am breitheamh agus bheirr e breith orr-a do reir an slighe; cho luchd breitheamhnaish iad air Dia, no orr-a fein; a dhith ughdaraish, gliocaish agus breitheamhnaish neamh-chlaoin; cho trodd agus cho chonspoid re Dia a ni an gnothach, no a theasairgeas iad o ’n cheartas a chuirreas e ann gniomh, agus air am bheill iadsan ag deanamh gearrain. 1. ’Ta an rann sho ag ciallachadh, gu bheill Dia ’g a shaoradh fein o choirre leir-sgrioss dhaoin’ aingidh nach iompoich. cho dean e sho le sheanagh an reachd, leish an cuirrir daoin’ aingidh gu bas shioruidh; no le sheanagh a bhreitheamhnaish a chuirreas e ann gniomh do reir an reachd shin; no le dochas a thoirt dhoibh nach cuirrir a reachd ann gniomh; ach le fior-aidmheil, nach taitneach leish am bas, ach gu ’n iompoicheagh iad, chum as gu mairr iad beo: agus dhaingnich e sho le a mhionna fein. 2. Earrail dhurachdach do luchd-aingidheachd iompochadh; earrail anns nach bheill Dia, amhain ag sparragh an leass orr-a, ach ag curr impidh chairdeil orr-a gabhail rish, agus ag aontachagh a chuish a reasonachadh reu. ciod uime bhasaicheas iad? is i [TD 5] cead chrioch neimh-mheadhonach na h earrail sho, gu pill agus gu mairr iad beo. agus is iad a darra criocha, (mur pill iad) an diash shin a leannas. 1. A leigeil rish doibh le meadhonaibh a ghnathaich e, nach i coirre Dhe, ach an coirre fein ma theid iad am mugha. 2. A dhearbhadh dhoibh o an toilleileachd shoilleir fein, ann diultadh uill’ aitheanta agus impidh an Tighearna, gur i an coirre fein ma mhillir iad; agus gu basaich iad, sheadh, do bhridh nach ail leo ach bas. ’Ta blagh an teagaishg sho anns na nithibh shin a ’ta r’an toirt fa dear mar a leannas. 1. Theagasg. Is e lagh neamh-chaochladhach an Tighearna, gur eigin do luchd-aingidheachd iompochadh no basachadh. 2. Is e gealla Dhe, gu mairr luchd-aingidheachd beo, ma philleas iad. 3. Is taitneach le Dia iompocha agus slainte dhaoin’ aingidh, ach is mio-thaitneach leish am bas agus an damna: is roighniche leish gu pilleagh agus gu bitheagh iad beo, na gu gabhagh iad air an aghaidh agus gu basaicheagh iad. 4. Teagasg. Is deirbh-shirinn sho, agus do bhridh nach b’ ail le Dia gu cuirreadh daoin’ ann teagamh i, dhaingnich e dhoibh i, le a mhionn’ follasach fein, [TD 6] 5. Teagasg. ’Ta an Tighearna ag aithneadh agus ag earrallachadh, ath-bhuailt’ agus aith-bhuailt’, air luchd-aingidheachd iompochadh. 6. Teagasg. ’Ta an Tighearna ag aontachagh a chuish a reasonachadh reu, agus ag fiosrachadh do luchd-aingidheachd ciod uime bhasaicheas iad? 7. Teagasg. Mur iompoich luchd-aingidheachd ’n a dhiaidh sho uille, cho ’n i coirre Dhe ach an coirre fein gu basaich iad; is i an an-toilleileachd fior-abhar an damnaidh; uime shin basaichidh iad do bhridh nach ail leo ach bas. Mar a leigeagh rish dibh gach teagasg dhiu sho, ann am briatharaibh soilleir, anoish labharar cail-eigin orr-a gu h aith-ghearr ann diaidh a cheile. 1. Theagasg. Is e lagh neamh-chaochladhach De, gur eigin do ’n duin’ aingidh pilleadh no basachadh. Ma chreiddeas shibh Dia creiddibh sho: ni bheill ach iompochadh no damna ag an duin’ aingidh fa roghainn. ’ta deirbh-beachd ag-am gur gann a chuirrir mar fhiacha air luchd-aingidheachd gur fior no co’-thromach sho. cho ’n iongantach giodh do chuirreas luchd-cionta cunnuil ar an lagh. is tearc an dream a chreiddeas a ni nach bu mhaith leo a bhith fior; agus is teirce iad gu mor le ’m bu mhaith a ni shin a bhith fior, a shaoileas iad a bhith ’n an [TD 7] aghaidh fein. ach cho ghearran air an lagh, no air a bhreitheamh a theasairgeas fear mi-ghniomh. ghabhadh creiddeamh agus geil do ’n lagh roimh a bhas: ach luathaichir e le bith ag sheanadh agus ag dideagh an reachd. mur tarladh sho, dhideadh cead an lagh mu ’n aon-duin’ a dhearbhagh a mhor-luach: agus bu roighniche le luchd-aingidheachd bith ag tagradh nach bu choir an smachdachadh, na bith ag eishdeachd aitheanta agus reason an cuidd uachdaran’ a dh’iarras geil uath-a. cho do dhealbhagh an lagh chum as gu tugadh tusa breith air; ach chum do riaghlachadh, agus a thoirt breith or-t, do reir t umhlachd, no t eas-umhlachd dh’a. ach ma ’ta neach air bith comh-dall an-dana, as gu cuirr e firinn agus ceartas an reachd dhiadhaidh ann teagamh; bheirr mi dh’a dearbha aith-ghearr orr-a le chiele, dearbha, a lan-toillicheas mar a shaoileas mi, gach duine reasont’ air bith. 1. Ma chuirreas shibh ann teagamh gur e sho focal De; ann ait cead teagasg eille toillicheagh am beagan sho shibh. Mat. 18. 3. ‘Gu dimhin deirrim r’ibh, mur iompoichir shibh, agus mur bith shibh mar leanbana, nach teid shibh a’s teach do ’n rioghachd neamhaidh.’ Join. 3. 3. ‘Gu dimhin, dimhin, deirrim reut, mur aith-ghinthir duine, cho ’n fhead e rioghachd De fhaicshin.’ [TD 8] 2 Cor. 5. 17. ‘Ma bhitheas duin’ ann Criost, is creatuir nuadh e, dh’imich shein-nithe sheach, feach ’ta na h uille nithe nuadh.’ Col. 3. 9, 10. ‘Chuirr shibh dhibh an shean-duine le a ghniomharaibh, agus chuirr shibh oir-ibh an nuadh-dhuine ath-nuadhaicht’ ann eolas do reir a dhreachsan a chruthaich e.’ Eabh. 12. 14. ‘Gun naomhachd cho ’n fhaic aon neach Dia.’ Romh. 8. 8, 9. ‘Cho ’n fhead an dream a ’ta anns an fheoil Dia a thoilleachadh. cho le Criost, an neach ag nach bheill a spiorad.’ Gal. 6. 15. ‘Ann Josa Criost, ni bheill tairbh’ air bith ann timchill-gearra, no ann neimh-thimchill-gearra, ach anns an nuadh-chruthacha.’ 1 Pead. 1. 3. ‘Do reir lan-shaibhreas a ghraish, dh’aith-ghin e shinn chum beo-mhuinghin.’ Rann. 23. ‘Air bith dhibh aith-ghinte, ni le shiol truaillidh, ach neamh-thruaillidh, le briathar an De bhith-bheo, bhuan-mhairreannaich.’ 1 Pead. 2. 12. ‘Ag curr uaibh gach ain-iochd, gach cealgaireachd, gach mealtaireachd, gach tnuth, agus an-chaint; miannaichibh mar leanbana, bainne fior-ghlan an fhocail, chum as gu fas shibh leish.’ Sal. 9. 17. ‘Chum ifrionn pillear luchd-aingidheachd; agus gach finneach a ni dearmad air Dia. [TD 9] Sal. 11. 4. ‘Dearbhaidh an Tighearn’ an t ionracan, ach is fuath le anam an t aingidh.’ Mar nach feim mi stadd, a mhineachadh nam briathara leor-shoilleir sho: shaoilinn nach mo na shin dh’fheimeas mi tuill’ a churr reu do’n mhoran a dhearbhas an ni ceadna. ma ’s duine thu a chreiddeas focal De, chual thu cheanna ni a ’s leor, a dhearbhadh gur eigin do an duin’ aingidh iompochadh no doll am mugha. thugadh comh-fhadd air t’ aghaidh thu cheanna, as gur eigin d’ut aiddeachadh gur fior sho no a radh gu direach nach creidd thu focal De. agus mur creidd thu Dia, thug mi duil diot: thoir fa dearr thu fein, mar is fearr is urra thu; oir is coss’ail gur gairrid gus am bith thu ann ifrionn. b’ eallamh a dheanadh tu laimh-dhearg air neach a chuirreadh breag ort; agus am bheill thusa comh-an-dana as gu cuirr thu breag air Dia? ma dh’innish thu do d’ Dhia gu saor, nach creidd thu e; na coirrich e giodh nach toir e tuille rabhaidh dh’ut; no giodh do threigeas e thu; no giodh do bheir e tharraish d’ut mar dhuine gun dochas: oir ciod uime bheirr e rabha dhut, mur creidd thu e? giodh do chuirreagh e aingel o neamh gu t’ ionsuidh, is coss’ail nach creiddeadh tu e; oir ciod e a labhras aingel ach briathara De: agus nan tugagh aingel soisgeuil a ir bith eille gu t’ ionsuidh, cho b’ ion d’ut a [TD 10] chreidshin; ach a mheass mar theachdaire mallaichte, Gal. 1. 8. agus gu dimhin cho chomh-maith an airridh air creidd’eas aingel air bith, re mac Dhe, a thainig o an athair a thoirt an teagaishg sho dhuinn’, mur airridh e-sin air creidd’eas, cho ’n airridh air creidd’eas uill’ aingle nam flaitheasa. ma sheassas tu air na cumhnanta sho re Dia, sguirridh mi dhiot, gus am buinn e-fein reut, air modh a ’s fearr a leigeas rish do chionta dh’ut. Bheirr ard-ghuth Dhe or-t gu cluinn thu e. Giodh d’earrlaicheas e or-t gu sheimh eishdeachd re guth a shoisgeil, bheirr e or-t gu cluinn thu guth labhar a bhine, leish an didear thu, an uair nach cluinnir do ghearran. Cho ’n urra shinn a thoirt or-t gu creidd thu ann aghaidh do thoille; ach bheirr Dia or-t gu mothaich thu ann aghaidh do thoille. Cluinneamaid do leith-sgeul? Ciod uime nach creidd thu focal De? An e gu ’n abbair e gur eigin do luchd-aingidheachd iompochadh no doll am mugha? Is aithne dhomh do leith-sgeul; meassaidh tu nach coss’ail gu bith Dia comh-ain-iochd-mhor; saoilidh tu gur ain-iochd daoin’ a dhamnadh gu shioruidh, air son coirre coimh-beag re giulan peacach. Agus ’ta sho ’g ar treorachdah chum an 2, Darra ceann teagaishg, sheadh, a dhearbhadh ceartias De, ann lagh agus am breitheamhnas. agus [TD 11] 1. Air tus, shaoilinn nach sheanadh agus nach diultadh shibh, gur ro iom-chuidh do anam neamh-bhas-mhor, bith riaghlaichte le lagh a gheallas duaish bhioth-bhuan, agus a bhagras dioghaltas shioruidh. Air doigh eille, cho bhitheagh an lagh freagarach do natur an iochdarain, nach lain-riaghlaichir le meadhonaibh a ’s laige na muinghin agus eagall nithe shioruidh: mar a tharlas ann cas dioghaltaish aimshir’eil, nan tugadh Dia amach reachd, a smachdaicheadh gach peaca uabhasach le bruidd chead bliadhan, dh’fheadadh sho bith foghainteach ann cail eigin, mar is comh-fhadda re ar n aoish e. Ach mur bitheadh paineachas eille roimh an Tuill, ach am paineachas chead bliadhan sho, an uair a mhairr daoine ochd no naoi cead bliadhan air tallamh, cho ’n fhoghnagh e, do bhridh gu feadagh iad fioss a bhith ac-a, gu meallagh iad na h uirrid do cheadaibh bliadhan, saor o ’n phaineachas nach roibh ach cead bliadhan am buanas. Is ionann a thachair ann ar staid-ne. 2. Shaoilinn gu ’n abradh shibh, gu bheill gealla air gloir shioruidh agus dho-thuigshinn, ag coimh-fhreagradh do ghliocas De agus do staidd an duine: agus ciod uime nach creidd shibh gu bheill bagra na truaigh shioruidh agus dho-labhairt, ag coimh-fhreagradh dhoibh mar an ceadna? [TD 12] 3. An uair a chi shibh am focal De, gu bheill ni air an doigh sho, agus gu bith e air an doigh sho, an saoil shibh gur ion d’ibh curr ann aghaidh an fhocaill shin? An gairm shibh ar cruthai-fhear ann lathair cathair breitheamhnaish; agus an toir shibh breith air fhocall do reir cassaid na breig? An suigh shibh, a thoirt breith air, do reir lagh ar smuainte fein? An glioca, am fearr, agus an ionraice shibh na Dia; an eigin do Dhia nam flaitheasa agus na talmhainn, gliocas fhoghlam uaibhs’? An eigin do ghliocas gun mhearrachd foghlam a ghabhail o ammaideachd? An eigin do fhior-ghlaine gun small gabhail re smachd o pheacach fallach, nach urr’ e-fein a chongmhail glan, sheadh carr aon uaire? An eigin do ’n uillea-chumhachdach sheassamh an lathair cathair breitheamhnaish chnuimhe diblidh. Och an-danadas uabhasach an luaithreagain gun tuigshe! An cuirr am fadh, an cuirr an dall-luch, dorchadas ass leath na greine, agus an gabh iad os-laimh an saoghal a shoilsheachadh? Cia an t ait ann an roibh thu an uair a dhealbh an t uillea-chumhachdach a lagh, agus nach d’iarr e do chomhairle? Gu dimhin dhealbh e a lagh mun do ghinneadh thu, gun do chomhairl’ iarraidh, agus bha thu ro-fhadda gun [TD 13] teachd dh’ionsuidh an t saoghail d’a thilgeadh bun os-ceann: ma bha thu coimh-ghniomh-chomasach, ciod uime nach do mhosgail thu o neimh-ni, agus nach do chuirr thu ann aghaidh Mhaoish agus Chriost, an uair a bha iad air tallamh, agus nach do theassairg thu Adhamh agus a shliochd peacach, o ’n bhas bhagarach, chum as nach bitheadh feim air Criost! Agus ciod e ma chongmhas Dia fhoidhidin agus a thearmann uai-t, agus ma cheaddaicheas e dh’ut tuittim ann Ifrionn am feadh ata thu ag consachadh ann aghaidh a reachd, an creidd thu ann shin gu bheill Ifrionn ann? 4. Ma ’s olc comh-mor am peaca, as gu feim e bas Chriost mar Jobhairt glannaidh, cho ’n iongantas giodh do thoilleagh e ar truaidh’ shioruidh-ne. 5. Ma thoill peaca nan Diabhola cloidh shioruidh, ciod uime nach toilleadh peaca dhaoin’ i, mar an ceadna? 6. Shaoilinn gu tuigeadh shibh nach fead na daoin’ a ’s fearr, agus ni a ’s lugha na shin gu mor, luchd-aingidheachd, breith cho’-thromach a thoirt air droch-thoilteanas peacaidh. Mo thruaidh’ ’ta shinn dall agus claoin-bhreitheach. Cho ’n fhead shibh bith lain-eolach air droch-thoilteanas peacaidh, gus am bith shibh lain-eolach air aimh- [TD 14] leass peacaidh; agus cho ’n fhead shibh bith lain-eolach air aimh-leass peacaidh gu brath, gus am bith shibh lain-eolach, 1. air mor-luach an anama air an do chuirr e mi-dhreach. 2. Air mor-luach na naomhachd a chuirr e ass cuimhne. 3. Air reason agus mor-luach an reachd a bhrisheadh leish. 4. air Mor-luach na gloire air an do rinn e di-meass. 5. Air feim agus mor-luach an reasoin air an do shaltair e gu trom. 6. Sheadh, no gus am bith shibh eolach, air mor-luach gun chrioch, uillea-chumhachd agus naomhachd an De mhoir, air an do rinn am peacach uirrid ceannairc! an uair is aithne dhibh iad shin uille, is aithne dhibh droch-thoilteanas peacaidh os-barr. ’Ta fioss ag-aibh gu bheill an ceannairceach ro chlaon, a thoirt breith cho’-thromach air naoimh-reachd agus air gniomhara an aird-riaghlai-fhir. Bheirr shinn breith le mothach a chuibhricheas ar reason. Chi shinn ann gnothaichibh coitcheann saoghalta, gu meass moran gur ceart an cuish fein; agus gur mi-cheart gach cuish a’ta ’n an aghaidh; agus is diamhain d’an cairdibh glic agus neamh-chlaoin-bhreitheach atharach sho a churr mar fhiacha orr-a. Is tearc clann mhio-umhal, nach abbair gur athair gun iochd le am buailir iad. Is tearc duine rag-mhuineallach, neamh.ghlan, nach cuirr e-ceart ass leath [TD 15] na cleire, ma dh’ fhogras iad o chommunn nan naomh’ e, gus am pill e r’a Dhia le nuadh-umhlachd. Is tearc meirleach no fear-murt a chrochar, nach cuirreagh e-ceart ass leath an reachd agus a bhreitheamh; nam fuasgladh shin o ’n chroich iad. 7. An saoil shibh gu bheill na h anama neamh-ghlan iom-chuidh air neamh; an t ionnad nach fosglar gu brath do thruaillidheachd? Mo thruaidh, cho ’n urr’ iad cuspair an graidh a dheanamh do Dhia air tallamh, no obbair air bith a dheanamh, a ’s taitneach leish. ’Ta iad ann aghaidh Dhe, is fuath leo an ni shin a ’s ionmhuinne leish; cho ’n urr’ iad a mhealtainn a chomh-chommuinn neamh-fhoirfidh shin le Dia, a ’ta a chuidd naomh’ ag shealbhachadh air tallamh. Uime shin, cia mar dh’ fheadas iad teass-ghradh iom-lan, a thoirt dh’a, agus comh-chommunn solasach a shealbhachadh leish, sheadh sonnas shioruidh nam flaitheasa? Cho chuirr shibh ain-iochd ass ar leath fein, giodh nach failtich shibh ar namhad ann glacaibh ar graidh, mar fhear-cogair dileas; agus giodh nach toir shibh cuidd d’ar bord agus d’ar leabbaidh do mhuic bhrein an otraich: cho chuirr, sheadh, giodh do chasgaireadh shibh i shin, nach do pheacaich [TD 16] riamh; gidheadh, an coirrich shibh Aird-thighearna, agus Riaghlai-fhear glic, co’-thromach, agus gras-mhor an t Saoghail; ma dh’ fhogras e an sluagh neimh-iompoichte chum dorainn shioruidh. FEIM. Guidhim, guidhim oir-ibhs’ uille, le an ionmhuinn ar n Anama fein, an ait conspoid a churr air Dia, geilibh dh’a gu gradd: agus ann ait cunnuil a churr air fhocal, gabhaibh rish gun dail, agus gluaishibh d’a reir, chum ar leass. Gabhaibhs’ uill’ a’ta neimh-iompoicht’ anns a choimh-thionnal sho, re sho mar dheirbh-fhirinn De; iodhon, gur eigin dibh gu gairrid, impochadh, no doll am mugha; ni bheill dibh ach an darra cuidd pilleadh no basachadh. An uair dh’innish an Dia nach breagaichir sho dhibh; an uair a chluinn shibh e o Chruthai-fhear agus o bhreitheamh co’-thromach na talmhainn: is mithchich, sheadh, is tuill’ is mithich, do neach ag am bheill cluasa eishdeachd; oir chi shibh anoish, an ni ass an ion dibh earbs’ a dheanamh. Is daoine marbh agus air doll am mugha shibh, mur pill shibh. Nan inshinn atharach sho dhibh mheallainn le breig shibh. Nan ceillinn sho oir-ibh mhillinn shibh, agus bhithinn [TD 17] ciontach ann ar fuill: mar a dhearbhas na ranna shin, roimh mo theagasg, Rann. 8. “An uair a deir mi rish an duin’ aingidh, O dhuin’ aingidh, basaichidh tu gu dimhin; mur labhair thu, a thoirmeasg a shlighe do ’n aingidh, gheibh an duin’ aingidh shin bas ’n a e-ceart, ach iarraidh mish fhuill ass do laimhs’.” Chi shibh anoish, giodh gur teagasg garbh agus mio-thaitneach sho, gidheadh, is e a leithid, a ’s eigin duinn’ a shearmonach’, agus a ’s eigin dibhs’ eishdeachd. Is fearr dhibh iomra a chluintinn air ifrionn, na a dorainn fhulang. Mur feimeadh shibh e, cho shearbhaicheamaid ar cluasa beaddarach le firinn a ’ta coi’-neimh-bhinn leibh r’a cluintinn. Cho bhitheagh ifrionn comh-lan, nam bu toilleach le shiol Adhaimh ach eolas a ghabhail air an staidd fein, a h iomra a chluintinn, agus smuainteachadh uirr-e le durachd. Is e an t abhar gur tearc an dream a theassairgir o ifrionn; nach gabh daoine do dhocair orr-a fein, doll a’s teach gu spairneil, air dorras cumhainn an iompochaidh; no triall air slighe aimh-leathan na naomhachd, am feadh ata uin ac-a; agus cho chuirr iad spairn orr-a fein, do bhridh nach do mhosglagh iad gu beo-mhothacha do ’n ghabha mhor, ann am bheill iad; agus cho do mhosglagh iad, do bhridh gur [TD 18] leasg leo an cuntart a chluintinn, no smuainteachagh air; agus tarlaidh cuidd d’e sho, o rimheigh ammaideach, agus o fhein-speish fheol-mhor; agus tarlaidh cuidd eille dh’e, do bhridh nach maith a chreiddeas iad am focall a bhagras an dorainn. Mur lain-chreidd shibh an fhirinn sho, shaoilinn gu tugagh a truimead oir-ibh a cuimhneachadh, agus gu greamaicheagh i r’ibh, gun fhoish a thoirt d’ar n anamaibh, gus an iompoichir shibh. Nan cluninneadh tu an guth sho ach aon uair, o bheul Aingil, “Is eigin d’ut iompochadh no doll am mugha: pilleadh no basachadh!” Nach leannagh e re t’ anam gu teann: agus nach tathaicheagh e gach oich agus la thu? Nach cuimhnicheadh tu ann an gniomh a pheacaidh e? Nach cluinneadh tu gu labhar ann do chluasaibh do shior, “Pill no basaich!” O, nach bu shonn’ ar n anama, nan oibricheagh e orr-a mar sho; agus mur dio-chuimhnichteadh gu brath e: agus mur tugagh e foish d’ibh, gus an iommaineagh e dh’ ionsuidh Dhe shibh! Ach ma dh’ fhogras shibh uai-bh e, le dio-chuimhne, agus le mi-chreiddeamh, cia mar dh’oibricheas e chum slaint’ agus iompochaidh dhibh? Ach thugaibh sho leibh mar abhar dubh-broin, giodh d’ fhogras shibh an guth sho ass ar cuimhne; cho ’n urra shibh d’a fhogradh [TD 19] ass ar Bioblabh: ach sheassaidh e ant-a, mar fhirinn naishgte, a thoirt sannaish d’ihh gu brath, nach bheill d’ibh ach Pilleadh no Basachadh. Och, ciod uime ’noish nach bheill croidhe gach peacaich gonta leish an deirbh-fhirinn sho! shaoileadh neach anoish, gu bitheadh gach anam neimh-iompoicht’ a chluinn na briathara sho, air a bhiorradh gu goirt; agus gu smuainticheagh iad ant-a fein, agus gu ’n abradh gach neach, “Is e sho mo chorr-sa,” agus nach gabhagh e foish gu brath, gus am mothaicheagh e iompocha fein. Creiddibh a dhaoine, nach mairr am fonn suaimhneach neamh-churamach sho ach gairrid. Is da ni mhosglach, iompocha agus Damna: agus cho ’n fhadda gus am mothaich shibh a h aon diu. Feadaidh mi a ghealtainn, coimh-chinteach as giodh d’ fhaicinn le m’ shuilibh e, gu toir gras, no ifrionn oir-ibh a radh, gu gairrid, (an uair a bheirr iad dh’ibh beo-mhothacha air na nithe shin) “Ciod e a rinn shinn? Cia ammaideach aingidh a ghluaish shinn?” Cho mhairr staidd sgigeil nam peacach’ gun umhaill ach tammall beag. Comh-luath as a Philleas no a Bhasaicheas iad, theid crioch air am breishlich an-dana, agus pillidh an ciall agus am mothacha reu. Ach ’ta da ni ag-am anns an amharc d’an cosmhuil an duine neimh- [TD 20] iompoicht’ a chruadhachadh, agus mo shaothairs’ a churr ann neimh-bridh, mur gabhar romp-a: agus is iad shin an da fhocall sho, aingidh, agus iompocha, an uair a thuigir ann an sheagh mearrachdach iad. Ars’ aon neach rish fein, “is fior gur eigin do ’n aingidh iompochadh no basachadh: ach ciod e shin domhsa?” Ni bheill mi aingidh giodh ’ta mi peacach, mar gach duin’ eille do ’n t sluagh. Arsa neach eille rish fein, is fior gur-eigin domh pilleagh o m’ dhroch shlighe; ach ’ta duil ag-am nach bheill shin gun deanamh gus anoish, oir phill mi o chian fhadda. Agus mar sho, an uair a shaoileas daoin’ aingidh nach bheill iad aingidh, ach iompoichte; chaill shinn ar saothair, ann an impidh a churr orr-a gu pilleadh. Air an abhar shin, mun gabh mi ni ’s faidd’ air m’ aghaidh, inshidh mi dhibh co iad na daoin’ aingidh d’ an eigin pilleadh no basachadh; agus mar an ceadna, ciod e is ciall do ’n iompocha; agus co ata lain-iompoichte; agus chuirr mi romham gun sho insheadh dhibh gus anoish; oir is i sho riaghail is fearr a fhreagras do’m ghnothach. Agus ’ta e ag-aibh r’a thoirt fa dearr ann sho, ann am briatharaibh ar teagaishg, nach ionnann duin’ aingidh agus duin’ iompoichte; oir ni bheill duin’ aingidh iompoichte, agus ni bheill duin’ iom- [TD 21] pocht’ aingidh: agus mar sho is ionnann bith aingidh agus bith neimh-iompoichte. Air an abhar shin, ann an leigeil a h aon diu rish, leigir rish iad mar-aon. Mum fead mi natur aingidheachd no iompochaidh insheadh dhibh; is eigin domh toisheachagh o an cead thionsgna. B’ iom-chuidh le cruthai-fhear cumhachdach an t saoghail, tri teaghlaiche do chreatuiribh beo a ghairm o neimh-ni; dhealbh e na h aingle, spiorada fior-ghlan, reasonta, neimh-hhas-mhor, agus neimh-cheangailte re corpaibh; agus air an abhar shin iom-chuidh dh’aiteachadh nam Flaitheasa. Dhealbh e na bruide, le h anamaibh beachd-mhor, neimh-reasonta, agus coimh-cheangailte re corpaibh; agus air an abhar shin iom-chuidh dh’ aiteachadh na talmhann. Thug e do ’n duine natur meadhonach eidir aingle agus bruide; dhealbh e a chorp gu h iongantach inleachdach, agus chuirr e spiorad reasont’ agus neamh-bhas-mhor ann, d’a aiteachadh, agus d’a riaghlachadh; agus uime shin, iom-chuidh dh’ aiteachadh neamh agus talmhann. Ach mar thugadh corp do ’n duine mar iochdaran umhal d’a anam; cho d’fhuair e an tallamh sho mar bhuan-chomhnuidh shonna: ach mar shligh’ air an triall e dh’ionsuidh nam flaitheasa. Chruthaicheagh an [TD 22] duin’ ann an staidd bheannuicht’, a dhearcagh air morachd ghlor-mhor an Tighearn’, a sheinm hallelujah dh’a leish na h ainglibh naomha; agus a dheanamh ard-chuspair a ghraidh dh’e gu shioruidh. Agus mar a chruthaicheagh an duine chum na criche sho, dheonaich Dia dh’a meadhona iom-chuidh a righeachd uirr-e. Do na meadhonaibh shin, ’ta da ghne. A chead ghne a riaghlachadh fonn anam’ an duine. An darra gne, a riaghlachadh a bheatha agus a ghniomhara. Mar a bhuinneas do’n chead ghne, chuimshich Dia fonn anam’ an duine r’a chrich; ag toirt dh’ a uirrid eolaish air fein as a bha iomchuidh air a staidd, agus croidhe ag aomadh d’a ionsuidh fein le gradh naomha. Gidheadh cho do dhaingnich Dia an duine gu neamh-chaochladhach anns an staidd shin; ach air a dhealbh dh’a ’n a dheanadaich saor, dh’fhag e gu comhairl’ a shaor-thoille fein e. Mar a bhuinneas do an darra gne, thug Dia mar a fhreagradh dh’a fein, lagh iom-lan do’n duine; ag sparragh air buanachadh ann an teass-ghradh nach fuaraich gu brath, agus ann an umlachd gun mhearrachd a thoirt dh’a fein. Ach le brishe toilleil an reachd shin, cho do chaill an dunie coir, amhain air muinghin na beathaidh shioruidh; ach mar an ceadna, dh’ iompoich e anam o Dhia [TD 23] shocraich e a smuainte air nithe diblidh feolmhor, agus mar sho, is beag nach do thilg e dh’e dreach na diadhachd gu h iom-lan. Air an doidh sho, dhearmaid an duine gloir Dhe, agus geil d’a reachd, a chrioch chum an do dhealbh-agh e, agus chaidh e air sheacharan cian, o ’n t sligh’ a threoraicheas d’a h ionsuidh; agus shin ann smuaintibh anama, agus ann gniomharaibh a bheathaidh. Chaill an duine am fonn naomha shin, speish an anama do Dhia agus d’a lagh; agus theagair e ’n a ait shin, fein-speish fheolmhor, a shasaicheas e le nithibh talmhuidh! Air fas d’a ain-eolach air Dia, agus eolach air na creatuire: ta cuairt na beathaidh sho ag freagradh do thogra claon a chroidhe; ni bheil e beo do reir naoimh-reachd De ach do reir an-toill fheolmhor fein: dh’ iarr e an creatuir a thoilleachagh a chiocraish fheolmhoir, ann ait bith ag iarraidh an tighearn’ a riar. Thainig shinn uille chum an t saoghail, leish an natur, no leish a chlaon-thogra thruaillidh sho: “Oir co dh’ fheadas ni fior-ghlan a thoirt o ni neamh-ghlan? Job. 14. 4.” Mar ata natur fuilleachdach borb anns an leomhann, mun cosgair e an t shealg, agus natur nimheill anns an nathair, mun lot i le gath; mar an ceadna, ’ta an natur peacach, no an togra mhilteach sho, sheadh, ann ar naoidheantachd, mun [TD 24] smuaintich, mun labhair, agus mun dean shin am mi-ghniomh. Agus uaidh sho sruthaidh uille-pheaca ar beathaidh. Cho ’n e sho amhain, ach an uair a shollair an Dia trocaireach cungaidh-leighish duinn, sheadh an Tighearn’ Josa Criost, mar leigh d’ar n anamaibh, agus mar cheann-ard d’ar treorachadh gu Dia; is ionmhuinn le’r natur an staidd ann am bheill shinn, agus is leasg leinn a fagail, agus uim-e shin ’ta shinn ann aghaidh uille-mheadhona ar saoraidh: giodh do theagaishg cleachdainn duinn buidheachas a thoirt do Chriost air son a chairdish, gidheadh, ’ta fein-speish fheolmhor ag curr impidh oir-n a chungaidh-leighish a thairgeas e, a dhuiltadh, agus ag sparragh oir-n ar leith-sgeul fein a ghabhail an uair dh’earraliaichir oir.n an leigheas a thairgeas Chriost duinn a ghabhail, agus a ghairmir shinn a threigshinn gach ni saoghalta, agus d’a leanmhuinn-sin chum Dhe na gloire. Guidhim, guidhim oir-ibh, leaghaibh an duilleog sho a rish, agus comharraichibh i; oir anns na briatharaibh sho; ’ta fior-chuntas ag-aibh air staidd ar natuir thruailte; agus air an duin’ aingidh. Oir is duin’ aingidh, agus buailteach do bhas shioruidh, gach neach a ’ta anns an staidd thruailte sho. [TD 25] Mar an ceadna, dh’ abaicheadh shibh le sho, a thuigshinn an iompochaidh. Chum na criche sho, tuigibh os-barr, mar nach ail le Dia, gu basaicheadh daoin’ ann am peaca; gu do shollair e cungaidh-leighish duinn gu trocaireach, mar a thug e air a mhac ar natur a ghabhail, chum as air bith dh’a ’na Dhia-dhuin’, ann aon phearsa, gu bitheagh e ’n a eider-mheadhoin-fhear eidir Dia agus duine; agus air fullang d’a baish mhaslaich na croiche air son ar peacaidh, gu saoragh e shinn o mhallachd De agus o chumhachd an diabhoil; agus mar a shaor e shinn air an doidh sho, thug an t athair ’n a lamhaibh shinn mar a choir fein. Dhealbh an t athair agus an ’t eidir-mheadhoin-fhear lagh agus coimh-cheangal nuadh do ’n duine: cho ’n ann mar an cead choimh-cheangal, nach tugadh beatha ach do ’n neach a bheirreagh umh-lachd iom-lan d’a, agus a dhideagh an duine gu dorainn air son gach peacaidh: ach dhealbh Criost lagh graish, gheall e maitheamhnas peacaidh, agus beatha shioruidh, do gach neach a dh’ iompoicheas chum Dhe, le fir-chreiddeamh, airreachas neimh-chealgach agus leassacha beathaidh durachdach: Mar reachd dio-chuimhne no mar logha, a bheirr Riogh do luchd ceannairc, ma leagas iad an arma, ma phil- [TD 26] leas iad rish le nuadh-umhlachd, agus ma bhuanaicheas iad mar iochdarana freagarrach dh’a anns an am re teachd. Ach mar is aithne do ’n Tighearna gu d’ fhas anam an duine comh-aingidh, as nach gabh e a chungaidh-leighish, ma dh’ fhagar dh’a fein e; uim-e shin, roighnich an spiorad naomha mar obbair, gach apstol a theagasg, diadachd an scrioptuir a’ nasgadh le miorbhailibh iongantach; agus na h anama toght’ a shoilsheachadh agus iompochadh. Chi shibh o ’n uirrid sho, mar ata triur pearsa anns an Diadhachd, an t Athair, am Mac agus an Spiorad naomha; gu bheill obbair shonraichte fein ainimnicht’ air gach pearsa fa leath dhiu. Is i obbair an Athair ar cruthachadh, agus ar riaghlachadh mar a chlann reasonta, le lagh natura; agus breith a thoirt oir-n d’a reir: agus fear-saoraidh a shollar dhuinn gu trocaireach, an uair a bha shinn ann cuntart doll am mugha; agus a Mhac a churr d’ar teassairgin, agus gabhail r’a luach-saoraidh a thug e dh’a air son peacaidh shiol-adhaimh. Is i obbair a Mhic air ar son: ar saoradh le fhullangas agus le a cheartas; lagh no gealla [TD 27] gras-mhor a thoirt d’ar n anamaibh; shinn a riaghlachadh agus breith a thoirt oir-n mar ar fear-saoraidh, air modh gras-mhor; eadar-ghuidh’ a dheanamh air ar son, chum as gu comh-partaichir r’inn tairbh’ a bhaish; agus an spiorad naomh’ a churr d’ar n ionsuidh, an spiorad a ’ta an t Athair mar an ceadna ag curr, leish a Mhac. Is i obbair an Spioraid naoimh’ air ar son: an scrioptur fior-ghlan a dheachdadh do na faidhibh agus do na h apstolaibh, agus sheol’ a thoirt doibh d’a churr ann ceill; cint agus firinn an fhocaill a nasgadh le miorbhailibh, tiolacaibh, agus gniomharaibh iongantach slainteil; luchd teagaishg gnathaicht’ an t soisgeil a shoilsheachadh agus a bhrosduchadh; cuiddeachadh leo ann an teagasg, agus ann an craobh-sgaoileagh an fhocaill; agus leish an fhocall cheadna, ag soilsheachadh agus ag iompochadh anama dhaoine. Anoish, mar nach bu chreatuire reasonta shibh mur cruthaicheagh an t Athair mar shin shibh; agus mar nach feadadh shibh doll dh’ ionsuidh an athar mur saoragh am Mac shibh; cho mho na shin a bhitheadh coir ag-aibh air Criost, no air tearmann uaidh-e mur naomhaicheagh an Spiorad shibh. Chi shibh anoish abhara fa leath na h oibre sho. An t Athair ag curr a Mhic d’ar saoradh; am [TD 28] Mac ’g ar saoradh, agus ag toirt tairgshe nan grasa dhibh; an Spiorad naomh’ ag deachdadh agus ag nasgagh an t soisgeil; na h apstola mar luchd-cogair an spioraid ’g a sgriobhadh; luchd teagaishg ’g a fhoilsheachadh, agus ag curr impidh air daoine gabhail rish; agus an spiorad naomha, chum an teagasg a dheanamh diongmhalt’, ag fosgladh croidheacha dhaoin’ a thoirt oidheachd dh’a; agus sho uille dh’ ath-nuadhachadh dreach na diadhachd air ar n anama; a shocrachadh na h intinn air Dia a rish; a thogmhail an anama os ceann a chreatuir agus fein-speish fhcolmhoir, chum an do theich e o Dhia; agus mar sho, a thoirt air gniomhara na beathaidh, a chleachd rith ann sruth-chlaish thalmhuidh, rith ann sruth-chlaish neamhaidh; agus sho uille le oidheachd a thoirt, trid creiddeimh, do Chriost Leigh an anama. Uaidh sho a labhradh r’ibh, feadaidh shibh fhaicshinn, co e an duin’ aingidh, agus co e an duin’ iompoichte. Agus tuigidh shibh sho ni a ’s fearr, mur mealta mi, ma gheibh shibh mion-chuntas air am buaidhe agus air an giulan fa leath: agus mar a bhuinneas do ’n duin’ aingidh, aithnichir e air na tri nithe sho. 1. Is neach e a’ta lan-toillichte le nithibh talmhuidh; is fearr leish an creatuir na an cruthai- [TD 29] fhear; agus suaimhneas feolmhor na sonnas neamhaidh: ’ta deagh-thoill aig-e do nithibh feol-mhor air am bheill e eolach, agus mio-thoill do nithibh spioradail air am bheill e ain-eolach: giodh d’ abbair e, gur fearr neamh na tallamh, cho mheass e aig-e-fein gur fearr do rireadh. Nam b’ oidhreachd chinteach leish an tallamh, cho ghabhagh e neamh mar roghainn air; b’ fhearr leish fuirreachd ann sho, na doll air imirch do na flaitheasaibh. Bu roighniche leish beatha shlainteil, thoiceil, aird-inbheach air tallamh; na beatha fhior-ghlan, shior-shonna, ann lathair Dhe anns na Neamhaibh; sheadh, na bith ag gradhachadh agus ag shior-mholladh na diadhachd. Giodh d’ aidmhicheas e gu cealgach, gur ionmhuinn leish Dia os gach neach, gidheadh, cho do mhothaich anam riamh cumhachd a ghraidh dhiadhaidh do rireadh, ach ’ta intinn ni ’s suidhicht’ air an t Saoghal, agus air suaimhneas feol-mhor na air Dia. Ann aon fhocall, cia b’ e neach le ’n ionmhuinne tallamh na neamh, suaimhneas feolmhor na Dia, is duin’ aingidh neimh-iompoicht’ e. Air an laimh eille, ’ta an duin’ iompoichte soilshicht’ a dhearcagh air ionmhuinneachd na diadhachd: is leir dh’a uirrid mor-luach anns a ghloir a ’ta r’a faghail o Dhia, as gu do shoc- [TD 30] raich e a chroidh’ uirr-e, ni a’s mo gu mor na air aon ni saoghalta. B’ fhearr leish shealla do ghnuish Dhe, agus a bheath’ a chaitheadh ’n a ghradh shioruidh, ag sheinm a chliudh gu bioth-bhuan, na gach saibhreas agus suaimhneas saoghalta. Is leir dh’a gur diamhanas gach aon ni eille, agus nach sasaichir an t’ anam ach le Dia amhain: agus air an abhar shin, rachagh an saoghal an taobh a thogras e, taishgidh an duin’ iompoicht’ a shaibhreas agus a mhuinghin, anns na neamhaibh; agus ann geall reu shin, bheir e tharraish do gach ni, gu deonach. Mar a lassas an teinne suas, agus mar a dhearcas an t snathad a bheannas do ’n tarrang-art air an Airde tuath: mar an ceadna, aomaidh an t anam iompoichte dh’ ionsuidh Dhe- Cho lan-sasaich aon ni eill’ e; ni bheill toilleacha intinn no foish aig’ ach ann an gradh an Tighearna. Ann aon fhocall, ’ta meass agus gradh ag gach duin’ iompoicht’ air Dia, a ’s mo gu mor na a ’ta ac-a air an t saoghal gu leir; agus is roighniche leo sonnas neamhaidh, na suaimhneas feol-mhor, cia mor air bith e. Gheibh shibh dearbhagh an teagaishg sho anns na scrioptuiribh a leannas. Phil. 3. 18, 21. Mat. 6. 19, 20, 21. Col. 3. 1, 4. Romh. 8. 5, 9. 18. 23. Sal. 73. 25. 26. [TD 31] 2. Is priomh-obbair do ’n duin’ aingidh bith ag teagradh saibhrish shaoghalt’ a shasachagh an-toill fheol-mhoir fein. Giodh do leaghas, giodh d’ eishdeas, giodh do ni e moran do ghniomharaibh crabhach o an leath amach, agus giodh do sheachnas e peaca maslach; gidheadh ni bheill ann sho uill’ ach leath-obbair: cho phriomh-obbair dh’ a iddir Dia a a thoilleachadh, chum sonnas bioth-bhuan a shealbhachadh; cuirridh e Dia sheach le fuileach an t saoghail, agus cho toir e dh’a do gheill ach am beagan a sheachnas an fheoil, oir cho chuirr e a chuid do ’n t saoghal an geall neamha gu deonach. Air an laimh eille, is priomh-obbair do ’n duin’ iompoichte bith ag toilleachadh Dhe gu curamach, agus ag saothaireachagh a theassairgin fein; cho ghabh e solas na beathaidh sho ach mar lon goireasach a thurruish trid an t saoghail sho, chum saoghail a ’s fearr; gnathaichidh e na creatuire mar dh’ iarras Dia, is toigh leish beatha naomha, agus is fadda leish gus am bith e-fein ni a ’s naoimhe gu mor; is beag air gach peac’ a ’ta r’a agragh air; ’ta e ag guidheadh agus ag cathachadh ’n a aghaidh gu spairneil, agus is bliadhann leish gach la gus am bith e saor dh’e. Ta run agus togra anam’ ann geall air Dia: ma thuitteas e am pea- [TD 32] ca ni h ann gu deonach, ach ann aghaidh ruin shuidhicht’ a chroidhe; agus air an abhar shin, eirghidh she a rish, le dubh-bron air son a neamh-churaim, agus ni bheill e comh-an-dana as gu cuirr e peac’ air bith ann gniomh le fhioss. Cuirridh e an saoghal gu leir, cia mor air bith a speish d’e, ann geall Dhe agus muinghin an t sonnaish shioruidh, le uille chroidhe; bheirr e suas do Dhia gu deonach, gach tiolac saoghalt’ a fhuair e uaidh-e, le cliu air son an iasaid. Chi shibh sho uille, Col. 3. 1, 5. Mat. 6. 20, 23. Luc. 18. 22, 29. Luc. 14. 18, 27. Romh. 8. 13. Gal. 5, 24. Luc. 12. 21. &c. 3. Cho do ghabh anam an aingidh riamh fir-eolas air obbair na saoirshe, ach ’ta i dh’ a mar dhiamhaireachd, agus ni bheill speish aig-e dh’i; cho do ghabh e le buidheachas re tairgsh’ an t slanai-fhir, agus cho do theoigh a chroidhe le gradh do ’n Fhear-shaoraidh; ni mo is toilleach leish bith riaghlaichte le leigh an anama, chum as gu teassairgir do Dhia e, o chionta, agus o chumhachd peacaidh; ach ’ta a chroidhe neamh-mhothachail air an tiolac do-labhairt sho, agus gu turr ann aghaidh nam meadhona slainteil, le an teassairgt’ e nan gabhagh e reu. Abbair gur taitneach leish bith crabhach air modh feol-mhor, gidheadh [TD 33] cho d’thug e riamh suas anam do Chriost, no do chomhairl’ a Spioraid agus fhocaill. Air an laimh eille, air mothachadh do ’n anam iompoichte gu roibh e milte le peaca; gu do chaill e a shith re Dia, agus a mhuinghin neamhaidh; agus gu roibh e ann cuntart dorainn shioruidh, ghabh e le buidheachas re teachdaireachd na saoirshe; chreidd e anns an Tighearn’ Josa, mar aon slanai-fhear, agus choishrig e dh’ a e-fein, chum gliocaish, ceartaish, naomhachaidh, agus saoraidh. Ghabh e Criost mar bheathaidh d’a Anam agus mar Leigh slainteil d’ a chreachdaibh; ’ta meass mor agus urramach aig-e air gliocas agus gradh Dhe ann obbair iongantaich sho ar saoraidh. Ann aon fhocall, ’ta comhnuidh Chriost, sheadh, ’n a anam trid creiddeimh, agus ’ta a bheatha sho a ’ta a lathair aig-e, trid creideimh ann am Mac Dhe, a ghradhaich e agus a thug e-fein air a shon. Sheadh cho ’n e-sin a ’ta beo, ach Criost a ’ta beo ann. A dhearbhadh sho, faic Romh. 8. 1. Philip. 3. 7—10. Gal. 2. 20. Join. 15. 2—4. 1. Cor. 2. 2. Chi shibh anoish, am briatharaibh soilleir o fhocall De, co iad na daoin’ aingidh, agus co iad na daoin’ iompoichte. Saoilidh luchd-ain-eolaish mur bith daoin’ ag curr re mionnaibh, no re mallacha, [TD 34] re h ain-chaint, re mishg, no re neamh-ghlain, re foir-neart no re h ea-coir ann gnothaichibh, agus ma thig iad do ’n Eaglaish, agus ma ni iad urnaigh nach feadar am meass mar dhaoin’ aingidh. No ma bha neach ciontach am mishg, am mionnacha, ann immoirt thoirmishgte, no an leithid shin do mhi-bheasaibh, ach ma sguirreas e dhiu anns an aimshir a thig, saoilidh an sluagh ain-eolach gur duin’ iompoicht’ e sho. Saoilidh dream eille, gur duin’ iompoichte gun amharus, an neach a bha naimhdeil do ’n Diadhachd, agus ag deanamh fannaid uirr-e, ma ’ta e ag gabhail tlachd dh’i anoish, ag doll ann cuiddeachd dheagh-dhaoine, agus uim-e shin, mar chuspair ain-iochd ag luchd-aingidheachd mar ata na deagh-dhaoine. Ta cuidd dhaoine comh-ammaideach as gu saoil iad gu bheill iad iompoichte, ma thog’as iad nuadh-bharrail mhearrachdach; agus ma thuitteas iad ann an cuiddeachd eigin a sgarras iad fein o ’n t sluagh, mar luchd ana-baishtidh, crith-chreiddeimh, papanachd, agus mar shin shios. Saoilidh daoin’ eille, gur fir-iompocha, ma chuirr eagal ifrionn uamhann orr-a, ma leigeadh rish doibh an cionta agus ma bhiorragh an croidh’ le h agartas coguish air a son; agus ma chuirr iad romp-a agus ma gheall iad leassacha beathaidh; agus [TD 35] ma roighnich iad giulan crabhach beasach o an leath amach. Is iad shin na h anama mealta truadh, d’ an cosmhuil tairbh’ ar n impidh-n’ a chall gu turr: an uair a chluinn iad gur eigin do an duin’ aingidh iompochadh no basachadh; saoilidh iad nach do labhradh sho reu fein; oir ni bheill iad aingidh ach lain-iompoichte ma ’s fior iad fein. Is e sho an t abhar a thug air Criost insheadh do chuidd do na Riaghlai-fhearaibh Judhuigheach a b’ aird-inbhiche agus a bu shuairce na an sluagh coitcheann; gu rachadh Ciosh-mhaora, agus striopacha, chum rioghachd Dhe air thoisheach orr-a. Mat. 21. 31. Cho an e gu teassairgir striopoch no primh-pheacach gun iompocha, ach gu b’ ussa peaca, truaidh, agus feim pillidh, a leigeil rish do na primh-pheacachaibh shin, na do an dream a bu mhuinte na iad; dream a bha ’g am mealladh fein le dochas gu roibh iad lain-iompoichte, an uair a bha iad ann am boilshgin an ain-eolaish agus ann am meadhon an aingidheachd. A dhaoine, is obbair nach saoil shibh an t iompocha: cho ghnothach suail an duine rish nach taittinn ach nithe talmhuidh, a thoirt chum neamha, agus mor-luach ionmhuinneach na diadhachd a leigeil rish d’a, gus an toir e do Dhia teass-ghradh nach fuaraich gu brath, teass- [TD 36] ghradh a leaghas a chroidhe cruaidh gu h aithreachas air son peacaidh, agus a bheirr air teicheadh chum Chriost, d’a ghlacail mar leigh anama le buidheachas; gus an iompoichir miann agus togragh a chroidhe, chum an truaidh shin a sheachnagh a ghabh e ann an riochd a shonnaish, agus an sonnas shin a roighneachagh, a sheachainn e ann an riochd a thruaidh; agus gus an treig e gach crioch agus gnothach a bha aig-e roimh-e shin: ann aon fhocall, “Is creatuir nuadh an neach a ’ta ann Criost; thriall sheann nithe sheach, feach dh’ fhas na h uille-nithe nuadh, 2. Cor. 5. 17.” ’Ta aig-e nuaidh-eolas, nuadh-thoill agus nuadh-run; nuadh-dholas, nuadh-mhianna, nuadh-ghradh agus nuadh-sholas; nuadh-smuainte, nuadh-labhra, nuadh-chuiddeachd (ma ’s urr’ e) agus nuaidh-iompocha. ’Ta am peaca a bha aig-e mar abhar macnuish anns an aimshir a chaidh sheach, air fas anoish coimh-screattaidh uabhasach d’a rosgaibh, as gu teich e uaidh-e mar o an bhas. Ni bheill an saoghal a bha comh-luach-mhor ann a shuilibh, ach camparach diamhain anoish; is e an Dia air an do rinn e dearmad, aon sonnas anama anoish; roimh-e sho leig e Dia air dio-chuimhne, agus bu roighniche leish gach ain-miann na e: ach anoish, ’ta cathair aird-in- [TD 37] bheach a chroidh’ aig-e, agus ’ta na mianna gu leir fa a cheansal: is priomh-obbair do an anam, bith ag toirt airre agus geill d’a: is abhar dubh-broin leish gruaim a thriath, agus cho leir dh’a sonnas ass eagmhuish. Is e Criost air an do chleachd e smuainteachadh le neamh-churam, a mhuinghin agus a thearmann amhain; ta e d’a anam mar an t arran lath’ail d’a chorp; cho an fhead e urnaigh a dheanamh ass eagmhuish, cho dean e gairdeachas, cho smuaintich, cho labhair agus cho bhith e beo ass eagmhuish. Roimh-e sho cho d’ amhairc e air neamh ach mar thearmann so-fhullang a bha duil aig-e b’ fhearr a chordadh rish na ifrionn, an uair nach feadagh e fuirreachd ni a b’ fhaidde air tallamh; ach anoish roighnich e na flaitheasa mar cheann-uidhe agus mar chomhnuidh, mar ionnad a lan-mhuinghin, agus a shuaimhnish, ann am faic, ann an gradhaich, agus ann an cliudhaich e, an Dia d’an do choishrig e anam gu h iomlan. Roimh e sho cho d’ amhairc e eir ifrionn ach mar bhocan a churr eagal peacaidh air daoine; ach anoish creathnaichidh e roimp-e mar ionnad na fior-dhorainn, is baoghalach leish doll ’n a dail, agus cho sugra leish fannoid a dheanamh uirr-e. Roimh-e sho bha e sgith do obbair na naomhachd, [TD 38] agus mheass e mar an-barr gun fheim i; ach anoish, cho suaimhneas, cho an obbair, agus cho an eallain beathachaidh leish ach i. Roimh-e sho, is beag nach do mheass e am Biobol mar leabhar coitcheann; ach mheass e anoish e mar naomh-lagh De, mar littir a sgriobhadh d’a ionsuidh o neamh, le laimh na morachd shioruidh, agus ghabh e r’i mar riaghaill d’a smuaintibh, d’a bhriatharaibh agus d’a ghniomharaibh; littir a ’ta le h iartus ’g a cheangal, le bagar ’g a oilteachadh, agus le gealla ag labhairt briathara na beathaidh r’a anam. Cho bu mho air daoine diadhaidh na daoin’ eille anns an aimshir a chaidh sheach; ach anoish cho lear dh’a air tallamh daoine sonna luach-mhor ach iad. Roimh-e sho b’iad na daoin’ aingidh a luchd-sugraidh; ach anoish is iad a luchd-campair, agus giodh b’ ard a chluint’ a ghair gairdeachaish mu am peaca; cia anoish is mo a ghuilleas air fon am peacaidh; agus an dorainn, na e? Sal. 16- 3. agus 15. 4. Phil. 3. 18. Am briatharaibh aith-ghear, ’ta crioch nuadh aig-e d’a smuaintibh, agus slighe nuadh d’a shaothair; agus air an abhar shin, ’ta a chroidhe agus a bheatha nuadh. Roimh-e sho, bu chrioch dh’a an-toill fheol-mhor fein: agus bu shlighe dh’a a shuaimhneas, a thairbhe agus a [TD 39] chreiddeas saoghalta: ach anoish is crioch dh’a Dia agus gloir shioruidh: agus is slighe dh’a Criost, an Spiorad, an soisgeul, an t ordocha diadhaidh, naomhachd a thaoibh Dhe, ceartas agus trocair a thaoibh dhaoine. Roimh-e sho, b’ aird-riaghlaidh-fhear dh’a fein-speish, agus b’ eigin do an choguish agus do ghnothaichibh Dhe bith fa a ceansal agus geill a thoirt d’i; ach anoish is e Dia ann an Criost, trid an Spioroid, am focall agus a fhritheola, an t aird-riaghlaidh-fhear, d’ an geill fein-speish agus feun-ghnothaiche: air achd as nach atharacha sho, ann an ni no dha, no fichid; ach ann an ruin agus ann am beasaibh an anama gu leir. Feadaidh neach ceim taoibh a thoirt o aon slighe gu sligh’ eille, agus aghaidh a bhith air an aon aird, agus a thriall a bhith chum an aon ait: ach cho ’n ionnann a tharlas ma bheirr e aghaidh an taobh a bha a chul, agus ma thriallas e chum aird agus ait eille. Mar an ceadna, feadaidh neach iompochadh o mhishg gu caomhna; o dhroch-cuiddeachd agus o mhi-bheasaibh chum cuidd do dhleastanasa crabhaidh; ach bith ag gabhail air aghaidh chum nan criocha ceadn’ a bha roimh-e shin aig’ anns an amharc, agus bith ag miannachadh suaimhnish fheol-mhoir os ceann gach ni, agus ag toirt aird-riaghail an [TD 40] anama d’a fhein-speish. Ach an uair a dh’iompoichir e, sheanar an fhein-speish, tilgir ass a h ughdaras i, cuirrir an t anam fa cheansal Dhe, pillidh an duin’ iompoichte re neamh, agus triallaidh e air an t slighe d’ an ceann-uidhe an t ionnad glor-mhor shin; bha e roimh-e sho, fein-speisheil, agus ag gluasachd do reir an-toill fein; ach ta e anoish, coishrigte do Dhia, agus ag gluasachd do reir a thoille: roimh-e sho, dh’ fharraid e dh’e fein ciod e a dheanagh e r’a aimshir, r’a cheadfaibh, agus r’a oidhreachd, agus bhuillich e air fein iad: ach anoish farraididh e do Dhia ciod a ni e reu, agus gnathaichidh e do reir iartaish iad. Roimh-e sho, thoillich e Dia comh-fhadd, as a fhreagradh shin d’a fhein-speish, agus d’a shuaimhneas feol-mhor; gun mhoran mio-thlachd a churr orr-a. Ach anoish toillichidh e Dia, cia mor air bith a mhio-rhlachd a chuirreas sho air fhein-speish agus air a shuaimhneas feol-mhor. Is e sho an t atharacha mor a ni Dia air an dream shin uill’ a theassairgir. Feadaidh shibh a radh gu bheill spiorad De ’g ar naomhachadh, ach am bheill fioss ag-aibh ciod is ciall do naomhacha? Is e sho a thaishbin mi dhibh anoish: agus is eigin do gach duin’ air tallamh bith naomhaichte no doll am mugha gu [TD 41] shioruidh. Is eigin doibh pilleadh no basachadh. A dhaoin’, an creidd shibh sho uille? Is cinteach leam nach bheill danadas ag-aibh a radh nach creidd; oir is cuish gun teagamh sho, agus cho an fheadar a sheanadh: cho chonspoid sho mu am bheill daoine foghlamta diadhaidh ann aghaidh a cheile; mu an abbair aon dream sho agus dream eille shud; ’ta am papanach, agus an t anabaishteach, gach dream agus aittim ann ar measg, a ’s airridh air an ainm chriostaidh, ag coimh-shineadh r’ a cheile, ann am barr’ail mu na nithe shin a labhair mi, agus mur creidd shibh Dia na firinn, anns an ni shin a ’ta gach dream agus aittim ag creidshinn, cho an fheadar ar leith-sgeul a ghabhail. Ach ma chreidmheas shibh sho ciod e mu am bheill shibh comh-shamhach ann ar staidd neimh-iompoichte? Am bheill cint ag-aibh gu d’iompoicheadh shibh? An do mhothaich shibh an t atharacha iongantach sho air ar n anama? An d’aith-ghinneadh no an do nuadh-chruthaicheadh mar sho shibh? nach iongantach an ni sho le moran ag-aibh? An do mhothaich shibh riamh a leithid ann-aibh fein? Mur fead shibh la no sheachd-uin ar n atharachaidh, no an t shearmoin [TD 42] leish an d’ iompoicheadh shibh insheadh, am fead shibh a radh gu bheill an obbair deanta; gu d’ atharaicheadh shibh do rireadh; agus gu bheill na h intinne shin ann-aibh a thaishbin mi cheanna dhibh? Mo thruaidh leannaidh ro-mhoran na gnothaiche saoghalta, agas cho chuirr iad ach roi-bheag docair orr-a fein le smuaintibh air an atharacha sho. Agus ma dh’ fhannas neach ach o pheacaibh maslach, agus ma dh’ fheadas e a radh, “Cho an fhear neamh-ghlaine, no gaddaidh, cho an fhear mallachaidh no mionnachaidh, cho an fhear mishg no foir-neart mi, theid mi do an Eaglaish agus ni mi urnaigh.” Ma dh’ fheadas neach sho a radh, saoilidh e gu bheill e lain-iompoichte, agus gu teassairgir e comh-luath re neach eille. Ach mo thruaidh, ’ta e ’g a mhealladh fein gu h ammaideach: oir is di-meass an-barrach sho air gloir shioruidh, agus dearmad oilteil air an anam nach basaich. Am fead shibh bith comh-chaon-shuaracha mu Fhlaitheas na gloire agus mu ifrionn na dorainn? Is gairrid gus an taishgir ar corpa anns an uaigh, agus gus an glac aingle caomh no diabhla borb ar n anama. Is gairrid gus am bith gach fear agus bean ag-aibh, ann an cuiddeachd, agus ann an saoghal eille. Cho an fhadd dh’ aiticheas shibh ar tighe. Cho [TD 43] an fhadd dh’ oibricheas shibh ann ar buthaibh. Cho an fhadd a shaothairicheas shibh ar fearrann. Cho an fhadd is ionnad comhnuidh dhibh an tallamh. Is gairrid a chi shibh leish na suilibh shin, a chluinn shibh leish na cluasaibh shin, agus a labhras shibh leish na teangaibh shin, is gairrid gus am fag saighead a bhaish shibh gun radharc, gun eishdeachd, gun chaint; agus bithidh shibh mar shin gus an coimh-cheanglar ar n anama agus ar corpa r’a cheille, ann an la na h aish-eiridh; agus ciod e an sheol’ air am fead shibh na nithe sho a dhearmad? O, ciod e an t ionnad aimhnish, no dorainn, ann am bith shibh gu gairrid! O, ciod e an shealla chi shibh gu gairrid anns na neamhaibh shuas, no ann an ifrionn shios! O, na smuainte shin a lionas ar n anama gu gairrid, le solas do-labhairt, no le h amhghar an-oilt’eil! Ciod i a’s obbair dhibh anns an t saoghal shin eille ann taobh thall do an uaigh? Am bith shibh ag cliudhachadh Dhe leish na h ainglibh, agus leish na naomhaibh, no ag sgreaddadh gu gairishneach ann am builshgin nan diabhla, anns an teinne nach muchar gn brath? Agus an coir sho uill’ a dhearmad? Bithidh na nithe sho uille gun chrioch, agus naishgte gu daingeann le reachd neamh-chaochladhach. Is i an t shioruidheachd, [TD 44] an t shioruidheachd, le an toimhishir ar solas agus ar dolas, agus am feadar sho a dhearmad? Is fior sho, a dhaoine, is fior gach smidd dh’e: ann diaigh dhibh triall shios agus suas beagan ni ’s faiddde; agus ann diaigh dhibh coddal agus mosgladh tammall beag eille; spionar ass fearran nam beo shibh, agus ann shin chi shibh gur fior gach ni dh’innish mi dhibh anns an am sho, agus an ceaddaich shibh anoish dhibh-fein an dio-chuimhneachadh! Cuimhnichidh shibh ann saoghal eille, gu cualadh shibh an t shearmoin sho, agus gu do chuirreadh na nithe sho ann cuimhne dhibh anns an am agus anns an ait sho! agus chi shibh an shin, gur mo na nithe sho, mile uair na aon ni a dh’ fheadas shibhs’ no mish a thuigshinn ann taobh a bhoss do an uaigh; agus an deanar dearmad comh-mhor air na nithe sho anoish? A chairde caomh, mur mosglagh an Tighearna mish a chreidshinn na nithe sho, ann mo chroidhe fein, bhithinn air mo dhalladh le dorchadas na fein-speish, agus rachainn am mugha gu shoruidh: ach ma thug e dhomh fior-mhothacha orr-a, brosduchaidh sho mi, chum truadhas a ghabhail dhibhse comh-mhaith as dh’im fein. Nam bitheagh ar suile comh-fhosgailte as gu faiceadh shibh ifrionn na dorainn, agus ar coimhearsnacha [TD 45] neimh-iompoichte air an iommain d’a h ionsuidh, agus ag sgreaddadh gu gairishneach ann a builshgin; giodh do mheass shibh iad mar dhaoine deagh-thoilteanach air tallamh, agus giodh nach roibh eagal orr-a fein roimh an dioghaltas shin; shaoilinn gu tugagh an shealla sho oir-ibh doll air uaigneas, a smuainteachadh air a rish, agus a rish; agus gu tugagh e oir-ibh rabha thoirt do gach neach mu’r timchioll mar an Geocoir an-saoghalt’ a chaidh am mugha, (Luc. 16. 28.) agus leish am b’ ail gu tugta rabha d’a bhrathairibh d’ an congmhail o ionnad na dorainn ann an roibh e-fein ’g a chloidh. Is gne radhairc an creiddeamh; is e fuil an anama, agus dearbha nithe do-fhaicshinn: ma chreidmheas mishe Dia, is gne mhothachaidh sho: agus air an abhar shin guidhim, guidhim oir-ibh, gabhaibh mo leith-sgeul, ma bhitheas mi coimh-leath-dhurachdach ribh mu na nithe sho, as giodh d’ fhaicinn le m’ shuilibh iad. Nam b’ eigin domh basachadh am maireach, agus nam b’ urra mi pilleagh o an t saoghal eille a dh’ insheadh dhibh ciod e a chonnairc mi, nach eishdeadh shibh reum gu deonach? Nach tugadh shibh fa dearr, agus nach creiddeadh shibh mo sgeul? Nan ceaddaichteadh dhomh ach aon shearmoin a thoirt dibh ann diaigh [TD 46] mo bhaish, agus ann diaigh dhomh obbair luchd-aiteachaidh an t saoghail a ’ta re teachd fhaic-shinn, nach b’ ail leibh gu ’n inshinn an fhirinn dibh gu soilleir saor, agus nach cruinnicheadh shibh mu m’ thimchioll do m’ eishdeachd? Agus nach taishgeadh shibh mo theagasg ’n ar cuimhne? Ach cho ’n fhead sho tachairt; ’ta sheola suidhicht’ ag Dia, d’ ar teagasg le a scrioptur agus le a Mhinishteribh; agus cho toir e uirrid d’ an toill do luchd mi-chreiddeimh as gu cuirr e luchd teagaish o mharbhaibh d’ an ionsuidh, no gu ’n atharaich e a sheola suidhichte fein; ma ni neach air bith gearran air dorchadas na greine, cho toir Dia uirrid d’a thoill d’a, as gu lass e dh’ a sollas a ’s dealraiche. Guidhim oir-ibh, a chairde gaoil, guidhim oir-ibh, thugaibh an airre dhomh anoish, comh-mhaith as giodh do thiginn le teachdaireachd d’ar n ionsuidh o mharbhaibh; oir feadaidh mi lain-dearbh’ a thoirt d’ibh air cint agus firinn nan nithe shin a theagaishg mi dhibh, comh-mhaith as giodh d’ fhaicinn le m’ shuilibh iad ann an saoghal eille; oir feadaidh teachdair o mharbhaibh ar mealladh; ach cho an fhead Josa Criost ar mealladh gu brath; cho an fhead focall De a chuirreagh ann ceill anns an scrioptur, agus a naishgeadh le miorbhailibh an spioraid naoimh’, [TD 47] ar mealladh gu brath. Creiddibh sho, ma chreidmheas shibh dadda. Creidibh agus geilibh, no theid shibh am mugha. Anoish ma chreiddmheas shibh focall De, agus ma ghabhas shibh curam do leass ar n anama gu brath, ceaddaichibh dhomh an ath-chuinge reasonta sho iarraidh oir-ibh, agus guidhim oir-ibh na tugaibh an eara dhomh: air fagail an ionnaid sho, cuimhnichibh gun dail na chualadh shibh, ransaichibh ar n intinne gu durachdach, agus abraibh r’ibh-fein. “Am bheill a chuish mar sho? An eigin domh pilleadh no basachadh: iompochadh no doll am mugha? Is mithich dhomh anoish amharc mu m’ thimchioll, mun tig or-m oiche tinnish agus baish. Och ciod uim-e nach roibh suil ag-am air na nithe sho gus anoish. Ciod uim’ a chuirr mi dail anns a ghnothach mhor sho gu h an-dana, agus mun do choiddil mi air comh-fhadd? An roihh mi a’ m’ fhairreach! An roibh mo chiall ag-am! A Dhe uille-bheannaicht’, is i do throcair a chum nach do spionagh ass fearran nam beo mi, mun roibh duil chinteach ag-am re beathaidh shioruidh do m’ anam! Ach nar leigeadh Dia gu dearmaid mi an obbair sho tuille gu brath. Ciod i an staidd ann am bheill m’ anam? Am bheill mi iompoichte, no neimh- [TD 48] iompoichte? An d’ oibricheagh an t atharacha mor sho air m’ anam riamh? An do shoilshicheadh mi le Spiorad an Tighearn’ a thoirt fa dearr grainealachd peacaidh, feim Slanai-fhir, gradh Chriost, agus ard-mhor-luach Dhe na gloire? Am bheill mo chroidhe brishte bruite ann mo chom, air son na ciont’ a ’ta r’a h agragh or-m’? An d’ thug mi oidheachd chairdeil do mo Thighearn’ agus do mo shlanai-fhear a thairg e-fein domh le maitheamhnas agus beathaidh do m’ anam? Am beag or-m’ mo bheatha chiontach a chaidh sheach, agus fuileach gach peacaidh a ’ta ann mo natur? Am bheill mi ag teicheagh uath-a mar o naimhdibh milteach? An bheill mi ’g-am thoirt fein suas do ghiulan naomha? Am bheill mi umhal do Dhia? An taitneach leam an umhlachd? Am fead mi a radh do rireadh gu bheill mi marbh do an t saoghal agus do an fhein-speish fheol-mhoir? Agus am bheill mi beo do Dhia, agus do an ghloir a gheall e dhomh? Am mo ata do m’ speish agus do mo ruin air neamh, na air Tallamh? An e Dia roghainn m’ anama os gach neach? An d’ thug mi an t ait a ’s inbhich ann m’ anam dh’a? Is cinteach leam gu roibh mi roimh-e sho beo do an t saoghal agus do an [TD 49] fheoil, gu h araid, agus nach d’thug mi do Dhia ach umhlachd neamh-chroidheil, sheadh, am fuileach truadh nach b’ fhiu leish an t sant an-barrach shaghalt’ fheol-mhor. An do phill m’ anam anoish chum sligh’ eille? am bheill nuadh-run, nuaidh-cheadfadh naomh’, agus nuaidh-chrioch ag-am? am bheill m’ anam agus mo dhochas ag ploscartaidh ann diaigh nam flaitheasa, le ciocrass nach diolar gu brath ach leo fein? nach i crioch mo bheathaidh, lan-run agus dian-thogra m’ anama, righeachd air neamh, agus air shealla do ghnuish ghlor-mhoir mo Thighearn’, agus bith beo ’n a ghradh agus ’n a chliu shioruidh? am bheill am peaca ann aghaidh ruin agus tograidh ghnathaichte mo chroidhe? am bheill mi ag cloidh gach peacaidh ghraineil? am bheill mi sgith dh’e; agus am bu mhaith leam bith saor dh’e? sho staidd anamain iompoichte. Is eigin domhsa bith mar sho no basachadh. An i sho mo staidd do rireadh? is mithich dhomh freagra fhaghail do ’n cheist sho, mum freagair am breitheamh neamh-chlaon i gu h uabhasach. Ni bheill mi ann mo choigreach comh-mhor air m’ anam, agus air mo ghiulan, as nach tuig mi ann cail-eigin am bheill, no nach [TD 50] bheill mi iompoichte: agus mur bheill, ni bheill feim dhomh m’ anam a bhreagadh le dochas mealtach. Is i mo run gun mi-fein a mhealladh ni ’s mo: ach a churr ass an teagamh am bheill no nach bheill mi iompoichte; chum as ma ’ta, gu gabh mi air m’ aghaidh gu suntach aitt, ag cliudhachadh mo Dhia glor-mhoir, gus an ruig mi air a choroin a ’ta dealrach mar a ghrian agus buan mar m’ anam nach basaich; agus mur bheill mi iompoichte mosglaidh mi o m’ neamh-churam, iarraidh agus griosaidh mi an gras, a dh’ fheadas mo philleadh, agus iompoichidh mi gun dail air bith: agus ma mhothaicheas mi trath gu do chaill mi slighe na beathaidh, feadaidh mi pilleadh le comhna Chriost, agus gabhar reum gu failteach; ach ma staddas mi gus am fag Dia m’ anam ann dorchadas, agus ann cruadhas, no gus am fuadaich bas ass fearrann nam beo mi; is ro an-moch dhomh pilleagh ann shin. Cho ghabhar ann shin re h aithreachas agus iompocha; ’ta fioss ag-am gur eigin domh iompochadh anoish ann an la tairgshe nan grasa, no doll am mugha gu shioruidh.” A dhaoine, is i sho m’ a’chuinge, gu gabhadh shibh cuntas d’ ar n anamaibh, agus gu ceasnai- [TD 51] cheadh shibh iad, air an doidh sho, gus am faic shibh, ma ’s urra shibh, am bheill no nach bheill shibh iompoichte; agus mur fead shibh sho a ransachagh amach le ar dicheall fein, ruigibh ar luchd teagaishg, ma ’s daoine fiosrach dileas iad, agus iarraibh an comhna. ’Ta an gnothach sho mor, agus uim-e shin na bacadh naire, no neamh-churam shibh. ’Ta ughdaras ac-a os ar ceann a thoirt comhairl’ oir-ibh chum slaint’ ar n anama, mar a bheirr leigh comhairl’ oir-ibh chum slaint’ ar corpa. Is doll am mugha do mhiltibh, gu saoil iad bith air slighe na slaint’, an uair nach bheill iad ach air slighe na h ea-slainte: agus gu saoil iad gu bheill iad iompoicht’ an uair nach bheill. Agus ann shin, an uair a ghlaodhas shinn reu pilleadh gach la, triallaidh iad air slighe na h ea-slainte, mar bu ghnath leo; agus saoilidh iad nach buinn a chomhairle sho dhoibh-sin; oir ’ta iad iompoichte cheanna ma ’s fior iad fein, agus ’ta duil ac-a gur leoir-cheart an t sligh’ air am bheill iad, ma roighnicheas iad an ceim a ’s glaine, agus ma sheachnas iad an ceim a ’s ro shailliche; an uair nach bheill iad fadd na h uine sho, ach beo do an t saoghal agus do an fheoil gu truagh, agus ain-eolach air Dia agus air beatha shioruidh; agus air sheacharan cian o [TD 52] an t slighe d’ an ceann-uighe flaitheas na gloire. Agus tarlaidh moran d’e sho uille do bhridh nach feadar impidh a churr orr-a cail-eigin d’an aimshir a bhuilleachadh ag smuainteachadh gu durachdach air an staidd, agus ’g a ransachadh le curam. Nach iommad truaghan fein-mhealtach a ’ta ’g-am eishdeachd, nachd do bhuillich riamh an uin a ’s lugha d’ am beathaidh, ag ceasnachagh an anama, agus ag feachainn an roibh iad do rireadh iompoichte no nach roibh? a Dhe throcairich, is tus’ a ghabhas curam d’an leithid shin do thruaghanaibh nach gabh curam dhiu fein, agus a theassairgeas o ifrionn, agus a threoraicheas chum neamh’ an aittim nach dean ach roi-bheagan air an son fein! nam b’ aithne do an dream a ’ta air an t slighe chum ifrionn, agus buailteach do leir-sgrioss, an cuntart ann am bheill iad, philleagh iad gu gradd le h oilt agus le h uamhann. Ma cheaddaicheas shibh do an diabhol ar dalladh le h ain-eolas mu ’r staidd, agus a thoirt oir-ibh gu creidd shibh gur lain-cheart ar slighe, bheirr sho an dochas a ’s mo dh’a gu fead e ar treorachadh gun spairn chum leir-sgrioss gun tearmann. Nam bu lear dhibh nach bheill shibh air an t slighe chum neamh’, agus gu teid shibh am mugha gu shioruidh, ma bhasaicheas shibh anns an staidd [TD 53] ann am bheill shibh, an leigeagh oilt agus eagal dibh caddal aon oiche, no fuirreachd aon la int-i? an deanadh shibh gaire croidheil no sugra anns an staidd shin? an deanadh? agus gun fhioss ag-aibh nach tilgir shibh air a cheart-uair sho ann am boilshgin ifrionn! shaoilinn gu tugadh sho oir-ibh cul a churr re ar droch cuiddeachd agus re ar mi-bheasaibh gnathaichte; agus teicheadh chum slighe na naomhachd, agus comh-chommuinn nan naomha. Shaoilinn, air chint shaoilinn, gu ’n iommaineadh sho shibh a ghuidheadh croidhe nuadh o Dhia, agus comhairle mar chomhna o an dream ag am bheill i r’a sheachnadh. Is cinteach nach bu mhaith le aon neach ag-aibh doll am mugha gu shioruidh. Agus mar nach bu mhaith, guidhim oir-ibh, guidhim ransaichibh ar n anama gun dail, agus na tugaibh foish doibh, gus an lear dhibh ar staidd; chum ’s ma ta i maith gu gabh shibh air ar n aghaidh int-i le gairdeachas: agus ma ’ta i olc, gu ’n amhairc shibh mu ’r timcheoll gu gradd, ag iarraidh tearmainn mar dhaoin’ a chreidmheas gur eigin doibh pilleadh no no basachadh. Abraibh a dhoine. An i ar run agus an geall shibh an t saothair sho a bhuilleachadh air ar n anama? an tionsgain shibh am fein-cheasnacha sho an uair a theid shibh chum [TD 54] ar n ionnada comhnuidh? an ain-iartas m’ a’chuinge? is lear d’ar n anamaibh nach eadh: uim-e shin tionsgainibh air ball. Air bith dhibh fiosrach gur e sho leass ar n anama, guidhim oir-ibh air ghaol an De a ’ta ’g a iarraidh sho oir-ibh, agus d’ an eigin dibh cuntas a thoirt gu gairrid, ann an lathair cathair a bhreitheamhnaish, guidhim oir-ibh na diultaibh m’ a’chuinge reasonta? air ghaol nan anama shin d’ an eigin pilleadh no basachadh, guidhim oir-ibh na tugaibh an eara dhomh: ach glacaibh mar obbair, ar staidd fein a thuigshinn; togaibh ar muinghin air steigh shocraich; bitheadh fioss ag-aibh am bheill no nach bheill shibh iompoichte; agus na h earbaibh ar n anama re neamh-churam suaimhneach. Ach feadaidh e bith, gu ’n abbair shibh, ma chi shinn gu bheill shinn neimh-iompoichte, ciod e a ni shinn ann shin? treoraichidh sho mi chum mo dharra teagaishg; ann am bheill fuasgla na ceishte sho ann an cail eigin, agus gabhaidh mi anoish air m’aghaidh d’ a ionsuidh. TEAGASG II. Is e gealla Dhe gu bith daoin’ aingidh beo ma philleas iad, gu h iom-lan agus neimh-chealgach. [TD 55] ’Ta an Tighearn’ ann sho ag aidmheachadh gur taitneach leish, gu pilleadh daoin’ aingidh agus gu bitheagh iad beo. ’Ta neamh coimh-chinteach do ’n duin’ iompoichte, as ata ifrionn do ’n duine neimh-iompoichte. Is firinn choimh-chinteach, pill agus bith beo, re pill no basaich. Cho do chuirr ni air bith ach a dheagh-run athaireil mar fhiacha air Dia, slanai-fhear a shollar, dorras na neamh-bhasmhorachd fhosgladh d’ ar muinghin, agus cuirre thoirt duinn pilleadh le h aithreachas, an uair a chuirr shinn ass duinn fein le peaca. Shruth sho uille gu saor o chaomh-throcair ar Triath. A dhaoine peacach, ni bheill abhar ag neach ag-aibh doll d’a thigh, agus a radh, gu bheill mi ag teagasg an-dochaish dibh. An gnath leinn dorras na trocair’ a chrannagh oir-ibh? och, b’ fhearr nach crannadh shibh oir-ibh fein e? an gnath leinn insheadh dhibh nach dean Dia trocair oir-ibh, giodh do philleas, agus giodh do naomhaichir shibh? cuin a chuladh shibh riamh fear teagaishg ag curr a leithid sho ann ceill? cainidh cuidd ag-aibh luchd teagaishg an t soisgeil air son bith ag iarraid ar coimhead o ifrionn, agus cuirridh shibh ass an leith gu shearmoinich iad an-dochas; ach inshibh dhomh, ma ’s urra shibh, cuin a chualadh shibh riamh duine glic [TD 56] ag radh, nach bheill abhar dochaish ag-aibh, giodh do philleadh shibh le h aithreachas air son peacaidh? Cho ’n fhead shibh insheadh: oir is e a cheart atharachadh shin, a ’ta shinn ag curr ann ceilll dibh o an Tighearna gach la. Agus cia b’ e neach a ’ta aith-ghinte, agus a dh’ fhas mar chreatuir nuadh le creiddeamh agus aithreachas teassairgir e gun teagamh; agus is comh-fhadd a ghabh e uai-nnibh impidh an-dochaish a churr oir-ibh mu ’n chuish sho, as gu bheill shinn ag earrallachadh oir-ibh gun a curr an teagamh. Is beatha, agus cho bhas, cead chuidd na teachdaireachd a ’ta shinn ag curr an ceill dibh; is e ar barrantas-’ne tairgshe na slainte chintich, shioruidh, ghlor-mhoir, a thoirt do gach aon neach ag-aibh; do ’n diol deirce dhiblidh, dhaibhir, comh-mhaith as do ’n triath shaibhir aird-inbhich; do ’n dream a ’s meassa ag-aibh, do luchd mishg agus mionna, do luchd saint agus braidd, sheadh, agus do ’n dream a ni di-meass agus fannoid air slighe naomha na slainte. ’Ta iartas ag-ainn o an triath d’ an geill shinn, maitheamhnas gach peacaidh a chaidh sheach a churr ann ar tairgshe, ma philleas shibh ach anoish, agus ma ’s ail leibh beatha; ta iartas ag-ainn bith ag earrallachadh agus ag asluachadh oir-ibh gabhail rish an tairgshe [TD 57] sho, agus pilleagh a thoirt fioss dibh, ciod e an t ulmhacha shin a rinn Criost dibh, ciod i an trocair agus an fhoidhidinn, agus ciod e an cairdeas a ’ta ag feitheamh oir-ibh o Dhia; agus cia sonna, cia sonna air modh do-labhairt, a bhitheas shibh gu cinteach, ma ’s ail leibh sonnas. ’Ta ag-ainn gu dimhin, teachdaireachd feirg agus baish mar an ceadna, sheadh da ghne feirg agus baish: ach cho phriomh-ghnothach dhuinne h aon diu: is eigin duinn an fhearg agus am bas, d’an d’ fhag brishe lagha nan gniomhara buailteach shibh insheadh dhibh: ach ni bheill sho, ach a thaishbineadh dhibh am feim a ’ta ag-aibh air trocair, agus d’ar brosdachadh chum meass urramach a bhith ag-aibh air gras an fhir shaoraidh. Agus cho an innish shinn dibh ach an fhirinn amhain, air an eigin dibh-fein eolas a ghabhail: oir co a dh’ iarras cungaidh-leighish, ag nach bheill fioss a thinnish? cho dean fioss ar truaighe, truagh shibh, ach iommainidh e shibh dh’iarraidh trocair. Is shibh a tharraing am bas sho oir-ibh fein. Ata shinn ag toirt fioss dibh air bas eille mar an ceadna, sheadh bas gun tearmann, agus dorainn a ’s ro-mho, d’ am bheill an sluagh nach iompoich buailteach. Ach mar is firinn sho a ’s eigin insheadh dhibh; is i cuidd [TD 58] a ’s deirreannaich, agus a ’s mulladaiche d’ar teachdaireachd. Air tus ’ta shinn re trocair a churr ann ar tairgshe, ma philleas shibh: agus is iad an aittim shin amhain, a gheibh cuirre trocaireach agus nach pill, a ’s eigin duinn a bhagradh le truaigh. Cuirribh ach cul re ar sheacharanaibh, air iartas Chriost, gun tuille maille, fasaibh mar chreatuire nuadh, thigibh agus pillibh, agus cho bhagrar shibh le feirg mhiltich, no le bas. ’Ta mish’ ann sho, ann ainm triath na beathaidh, ag gealtainn trocair agus sonnaish, dhibhs’ uill’ a ’ta ’g-am eishdeachd, do ’n dream a ’s meassa, do ’n peacach a ’s mo, agus a ’s shinne ann ar measg, ma philleas shibh. ’Ta trocair ann an Dia, ta mor-luach anns an lain-diola shin a thug Criost do cheartas De air ar son, ta an gealla saor, iom-lan, agus uillea-choitcheann; agus gheibh shibh beatha ma philleas shibh. Ach mar is ionmhuinn leibh ar n anama fein, cuimhnichibh ciod e an t iompocha, a ta an scrioptur ag iarraidh. Cho an e an shein-tigh a leassachadh, ach a leagadh gu lar, agus a thogbhail ass ur, air Criost, an sdeigh shocrach, nach failnich gu brath. Cho an e cail-eigin do ’n bheathaidh fheol-mhoir a leassachadh, ach na h ain-mianna feol-mhor a churr gu bas, agus glua- [TD 59] sachd do reir comhairl’ an Spioraid. Cho an e geill a thoirt do ’n ’t saoghal agus do an fheoil air modh aith-lessaichte, le peacaibh maslach graineil air bith, no le cail-eigin do Chrabha; ach ar Maighishter, ar n obbair, agus ar crioch a mhudhadh; ar cul a thiontadh reu, agus gach aon ni a dheanamh chum na beathaidh nach facadh shibh riamh; shibh-fein agus gach ni a ’ta ag-aibh a choishrigeadh do Dhia. Is e sho an t atharacha fa an eigin dibh doll, ma ’s ail leibh beatha. Anoish is fia’naishe shibh-fein, gur sonnas agus leir-sgrioss, an teagasg mor a shearmonaich mi dhibh: agus gur e sho a chead chuidd do m’ theachdaireachd. Gabhaibh sonnas agus sheachnaibh leir-sgrioss, agus cho teid shinn ni ’s faidde leibh: oir cho chuirreamaid an dragh, no an t eagal a ’s lugha oir-ibh, sheadh, le h ainm an leir-sgrioss mur b’ eigin e. Ach mur ail leibh tearmann, ni bheill teassairgin ag-aibh, ach is eigin gu leir-sgriossar shibh. Oir ni bheill roghainn ag-aibh eidir tearmann agus leir-sgrioss: ach is eigin dibh bas no beatha thogbhail mar roghainn. Agus ni bheill shinn amhain re beatha churr ann ar tairgshe; ach re dearbha thoirt dibh, ciod [TD 60] e an t ughdaras a ’ta ag-ainn chum sho a dheanamh, agus gairm a thoirt dibh a chreidshinn gu bheill run De mar ata e ’g a labhairt: gu bheill an gealla fior agus gu ruig e oir-ibhs’ air chumhnanta sonraichte, comh-maith as air daoin’ eille, agus nach meanm-mhacnus neamh, ach fior-shonnas. Ma chuirreas shibh mar cheist oir-’ne ciod e an t ughdarras le am bheill shinn ag toirt na tairgshe sho dhibh? ann am measg cead teagasg scrioptuir, ’ta ar n ughdaras leor-shoilleir o ’n bhegan sho. Air tus, chi shibh ar barrantus, ann sho, ann mo theagasg-sa, agus anns na rannaibh a leannas, agus anns an 18 Esec. comh-shoilleir ’s is urra briathara d’a dhearbhadh. Agus ann an 2 Cor. 5. 18—20. ’ta ag-aibh suim ar barrantuish; ‘’Ta na h uille nithe o Dhia, a reitich shinne rish fein, trid Josa Criost, agus a thug dhuinn fritheola na reite shin; iodhon gu roibh Dia, ann Criost, ag reiteachadh an t saoghail rish fein; gun an sheachrana a churr ass an leith; agus chuirr e ann-ainne briathar na reite shin: air an abhar shin, is teachdaire shinn o Chriost, mar o Dhia a ’ta ag curr impidh oir-ibh leinne. Guidhimid oir-ibh air son Chriost, bithibh reidh re Dia?” [TD 61] Mar an ceadna, Marc. 16. 15, 16. “Triallaibh air feadh an domhain uille, agus foilshichibh an soisgeul do gach creatuir. Slanaichir an neach a chreidmheas agus a bhaistir; ach bheirrir breitheamhnas air an neach nach creidd.” Agus Gniomh- 13. 38. “Bitheadh fioss ag-aibh fheara agus a bhrathaire, gu do churreadh maitheamhnas peacaidh ann ceill dibh trid an fhir sho.” Agus chum as nach saoileadh shibh gu d’ thugagh an tairgshe sho do ’n fhinneach iudhuigheach amhain, faicibh Gal. 6. 15. “Ann Josa Criost, ni bheill tairbh’ air bith ann an timchill-gearra, no ann an neimh-thimchill-gearra, ach anns an nuadh-chruthacha.” Chi shibh anoish, gu do sparragh oir-’ne tairgshe na beathaidh a thoirt dibh uille, agus insheadh dhibh o Dhia, ma philleas shibh gu bith shibh beo. Is tearuinte dhibh ar n anama earbsadh rish an tairgshe sho; oir shruth i o ghradh Dhe, agus choishinn fuill luach-mhor Mhic De i: chuirr firinn agus dilsheahd De mar fhiacha air, a ghealla fein a choimh-lionadh: naishgeadh firinn a gheallaidh sho, gu tric le miorbhailibh: chuirreadh luchd teagaishg air feadh an t saoghail d’ a fhoilsheachadh: ’ta baishte agus suipper an Tighearn’ [TD 62] ordoicht’ agus gnathaichte chum an gealla sho a thoirt gu follass air taoibh Dhe, agus a ghabhail air ar taoibh-ne: fosglaidh an spiorad an Croidh’ a ghabhail rish an tairgshe sho, agus ’ta e-fein ag-ainn mar airlish gu lain-shealbhaich shinn i. Mar sho is firinn gun teagamh gu teassairgir shibh uille, eidir dheagh-dhaoin’ agus dhroch-dhaoine; ma bhuanaicheas an deagh-dhuin’ ann am beasaibh fior-ghlan an t soisgeil, agus ma philleas an droch-dhuine. Gu dimhin, ma chreidmheas shibh gu teassairgir shibh gun iompocha, creiddidh shibh breag: agus nan teagaishginn shin dibh theagaishginn breag: cho ’n e sho creidshinn ann an Dia, ach anns an diabhol, agus ann ar n intinnibh cealgach fein. ’Ta a ghealla beathaidh fein ag Dia, agus a ghealla beathaidh fein ag an Diabhol. Is e gealla Dhe, “Pill agus bith beo;” ach is e gealla an diabhoil, “Bithidh tu beo giodh nach pill thu gu brath.” ’Ta briathara De mar dh’innish mi dhibh, “mur iompoichir shibh agus mur bith shibh mar leanbana, cho teid shibh chum rioghachd nan neamha. Mat. 18. 3. Mur aith-ghinnir duine cho ’n fhead e rioghachd De fhaicshinn. Join. 3. 3. Gun naomhachd cho ’n fhaic aon neach an Tighearna. Eabh. 12. 14.” Is e [TD 63] briathar an diabhoil: “Teassairgir shibh, agus bithidh shibh lain-cheart, gun aith-ghinneamhuinn; gun iompocha agus gun naomhacha; ni bheill Dia ach ag curr eagail oir-ibh, ’ta e ni ’s trocairiche na gu dean e mar a bhagras e, bithidh e ni ’s fearr na a ghealla dhibh.” Agus mo thruaidh, creiddidh cuidd mhor do an t saoghal focall an diabhoil roimh fhocall De; ceart mar a thainig ar cead pheaca agus truaidh chum an t saoghail. Arsa Dia re ar cead shinshearachd, “Ma dh’ itheas shibh basaichidh shibh;” ars’ an diabhol, ann aghaidh Dhe, “Giodh d’ itheas shibh cho bhasaich shibh;” agus chreidd Ebh an diabhol, roimh Dhia. Mar sho anoish ars’ an Tighearna, “Pill no bafaich;” ach ars’ an diabhol, “giodh nach pill cho bhasaich, ma dh’iarras shibh trocair o Dhia anns an uair dheirreannaich, agus ma sguirreas shibh do ’n pheaca, an uair nach urra shibh d’ a churr ann gniomh.” Agus is i sho caint a chreiddir leish an t saoghal. Och, aingidheachd ard-uamhasach! an diabhol a chreidshinn roimh Dhia! Agus cho ’n e sho cuidd a ’s meassa; ach deirr luchd-aingidheachd re sho, gu dia-mhaslach, creidshinn ann Dia, agus bith earbsach ass, an uair a chuirreas iad e ann riochd Shatain, Athair nam [TD 64] breag’ o thoisheach; agus an uair a chuirreas iad mar fhiacha orr-a fein gur breag focall De, deirr iad re sho, creiddeamh ann Dia, agus earbs’ a dheanamh ass chum slainte. Ach cia an t ait ann an dubhairt Dia riamh, gu teassairgir daoine gun aith-ghinneamhuinn, gun iompocha, agus gun naomhacha? dearbhaibh smidd d’ e sho o an scrioptur, ma ’s urra shibh. Bheirr mi ar dubh-’lan. Oir is i sho caint an diabhoil, agus cia b’ e neach a chreidmheas i, creiddidh e na diabhla, agus is i sho a chionta re ’n abrar gu coitcheann peac’ an an-danadaish. Agus an abbair shibh re sho, creiddeamh ann Dia, agus earbs’ a dheanamh ass? ’Ta focall De lan-fhoghainteach a thoirt neart agus comh-fhurtachd do anamaibh an t sluaigh naomhaichte; ach ni bheill smidd iomraidh air lamha dhaoin’ aingidh a neartachadh, no air dochas an tearmainn a ’s lugh’ a thoirt do dhuine gun iompocha gun naomhacha. Ach ma philleas shibh re slighe na trocair, ’ta trocair an Tighearn’ ag-aibh mar oidheachd ullamh. Ann shin is tearainte dhibh ar sonnas earbsadh re Dia le muinghin agus le danadas; oir ghabh e ar teassairginn mar fhiacha air fein, ann a fhocall. Cho ’n athair caomh e ach d’a chlainn dhileas, cho teassairg e ach dream a chuirreas cul [TD 65] rish an diabhol, re sant an-barrach saoghalt’ agus re h ain-miannaibh feol-mhor, agus a thig chum a theaghlaich, agus dh’ionsuidh comh-chommuinn nan naomha, chum bith mar iochdarana freagarach d’a Mhac. Ach mur tig iad a’s teach is i sho an coirre fein: oir ’ta dorras na trocair shior-fhosgailte do ’n t sluagh iompoichte, agus cho chrannar gu brath air duine dhiu e. Cho do chuirr e riamh leithid na teachdaireachd sho dh’ionsuidh aon neach ag-aibh: “’Ta e ro an-moch anoish: cho ’n fhosgail, agus cho toir mi oidheachd dhut, sheadh giodh ’ta thu iompoichte fein.” ’Ta e shior-ullamh a ghabhail r’ibh, nam bitheadh shibhs’ ach ullamh a philleadh gu croidheil neimh-chealgach. Agus foilshichir iomlaineachd na firinn sho ni ’s soilleire o an da theagasg a leannas, agus air an abhar shin, gabhaidh mi air m’ aghaidh d’ an ionsuidh, mun dean mi tuille feim do ’n teagasg sho. TEAGASG III. Is taitneach le Dia iompocha agus sonnas dhaoine, ach is mio-thaitneach leish am bas agus an damna: is roighniche leish gu ’n iompoicheadh agus gu mairreagh iad beo, na gu gabhagh iad [TD 66] air an aghaidh agus gu basaicheagh iad gu truagh. Nochdaidh mi dhibh air tus cia mar a thuigir an teagasg sho; agus a rish soilleirichidh mi dhibh a chint agus fhirinn. 1 Agus air tus mar a bhuinneas do thuigshinn an teagaishg sho, thugaibh fa dearr na nithe sho a leannas. Is i an tlachd aoin-fhilte cead ghniomh an anam’, a leannas am beachd no an t eolas aoin-fhilte, mun coimh-meass an t anam nithe r’a cheile. Ach leannaidh gniomh an roighneachaidh, a reimh-chiallaicheas gniomh a choimh-meish no a choimh-shinidh; agus feadar an da ghniomh sho a shineadh dh’ionsuidh chuspoire eas-aotach no contrara, gun chiont’ air bith do ’n anam. 2. ’Ta ceime eagsamhail no neimh-ionnann anns an toilleileachd, no anns an tlachd neimh-chealgaich. Is coimh taitneach leam cuidd do nithibh, as gu dean mi uirrid diu, ’s air an urra mi ruigheachd; agus is fior-thoilleach leam gu deanadh neach eille cuidd nithe, sheadh, an uair nach dean mi-fein cuiddeacha leish, do reir mo neart, do bhridh gu bheill iommad reason bacaidh ag-am; giodh do ni mi, sheadh, gach aon ni a ’s coir dhomh. [TD 67] 3. ’Ta toill riaghlai-fhir, mar riaghlai-fhear, foilshichte, ann an dealbh’ agus ann an curr reachd ann gniomh: ach is i toill an duine, a chumhachd aoin-fhilte, natura, mar Aird-thighearn’ a mhaoine fein, agus ’ta a thoill foilshichte ann am miannachadh nithe taitneach, agus ann an diultadh nithe mio-thaitneach. 4. Is i toill riaghlai-fhir, mar reachd-thabhartaidh, air tus, agus gu sonraichte, gu geilir d’a reachd, agus nach cuirrir a pheineachas ann gniomh ach air na h Jochdarana nach geill. Ach ’ta toill riaglai-fhir, mar bhreitheamh, ag reimh-chiallachadh gu do choimhdeadh no gu do bhrisheagh an reachd: agus air an abhar shin is i a run duaish a thoirt duinn, no dioghaltas a dheanamh oir-’n d’ a reir. O thug mi dhibh na h eidir-dheallacha feimeil sho, cuirridh mi anoish iad rish a ghnothach ann laimh, anns na briatharaibh a leannas. 1. ’Ta am focall agus an cruthacha ag teagasg, gur eigin duinn eolas a ghabhail air Dia anns an t saoghal sho: agus mar shin, do reir mor-luach natuir an duine, ainimnichidh shinn air Dia, maitheas, eolas, gliocas, cumhachd, ag atharrachadh uaidh’ gach neimh-iomlaineachd air bith, agus ag toirt dh’ a aird-iomlaineachd nan uille bhuaidhe [TD 68] luach-mhor, do bhridh nach bheill doigh a ’s fearr ag-ainn chum eolas a ghabhail air. 2. Mar an ceadna, leish an scrioptur, eidir-dheallaichidh shinn gniomhara Dhe, do reir an cuspoire eidir-dheallaichte, giodh ’ta iad uille mar aon ghniomh, ann am bith na diadhachd. 3. Agus le tuille danadaish, an uair a labhras shinn air Criost, do bhridh gu bheill an tuill’ abhair ag-ainn o a natur mar dhuine. 4. Mar sho deirr shinn, gu bheill toill, tlachd, no speish aoin-fhilt’ ag Dia, do gach neach a ’ta maith, air modh natura no beasach, do reir natuir agus tomhaish am maitheish. Agus mar an ceadna gur taitneach leish iompocha agus sonnas nan uille chreatuire reasonta, giodh nach tachair sho gu brath. 5. ’Ta toill Dhe, mar riaghlai-fhear agus mar reachd-thabhartaidh an t saoghail, coimh-ghniomhach chum sonnaish dhaoine, as gu do thairg e dhoibh Criost agus beatha, mar thiolac saor. Dhealbh e reachd dearmaid peacaidh, do ’n dream nach diult an tiolac sho gu neamh-urramach, ach a ghabhas rish, gu deonach. Thug e iartas teann d’a theachdairibh an tiolac sho a churr ann tairgsh’ an t saoghail uille, agus a ghuidheagh orr-a gabhail rish gu failteach. Rinn e sho uille [TD 69] chum sonnaish dhaoine, mar reachd-thabhartaidh, agus mar bu choir dh’a ann an lorg a ghealllaidh. 6. Ach gidheadh, is toilleach leish mar lagh-thabhartaidh, gu teid an dream nach pill am mugha: agus mar bhreitheamh an uair a theid la tairgshe nan grasa sheach, cuirridh e an reachd sho ann gniomh. 7. Mar sho is fior-thoilleach le Dia gu ’n iompoicheagh an dream nach iompoich gu brath, ach cho ’n ail leish a lan-toill uill’ fhoghainteach, agus a mhor-chumhachd a churr ann gniomh, mar Aird-thighearna, d’an iompochadh gun teagamh air bith. ’Ta commas ag riogh, cul-choimhead a churr air fear-muirt d’ a chongbhail o ’n chroich a thoiltinn dh’a fein: Ach ma bhitheas deagh abhar ag riogh gun an ro-churam sho a ghabhail do luchd-muirt, ach fioss, agus rabha thoirt d’a iochdaranaibh, agus a ghuidheagh orr-a gun iad a bhith ciontach ann am murt, ’ta duil ag-am gu fead e a radh nach bu mhaith leish gu crocht’ air son muirt iad; oir cho taitneach leish sho, ach gu bitheagh iad neamh-choirreach, agus gu mairreagh iad beo. Agus ma ni e tuille air son cuidd dhaoine, air abhar sonraicht’ eigin, am bheill e mar fhiacha air, shin a dheanamh air son an [TD 70] iomlain? Is ceart do ’n Riogh a radh re uille luchd-muirt agus mi-ghniomh a rioghachd, “Ni bheill tlachd air bith ag-ams’ ann ar bas, ach bu roighniche leam gu mor shibh a thoirt geill do m’ reachd, agus a bhith beo; ach mur geill shibh, is i mo bhreith gu fuilling shibh bas.” Is ceart do ’n bhreitheamh a radh re meirleach, no re fear-muirt, “Mo thruaidh a dhuine, cho taitneach leamsa do bhas; b’ fhearr leam gu mor gu coimhideadh tu an reachd, agus gu teassairgeadh tu t anam fein; ach o nach do choimhid thu an lagh, is eigin domh do dhideadh gu bas, oir bu bhreitheamh claon mi mur deanainn shin.” Mar an ceadna, giodh nach bheill tlachd air bith ag dia ann ar leir-sgrioss, agus air an abhar shin, giodh ’ta e ag toirt gairm dhibh pilleadh, agus bith beo, gidheadh, is taitneach leish a cheartas fein a dhearbhadh agus a reachd a churr ann gniomh, agus air an abhar shin, is i a run shuighichte, mur pill shibh gu teid shibh an mugha. Nam bitheadh Dia comh-mhor ann aghaidh baish dhaoin’ aingidh, as gu cuirreagh e a mhor-chumhachd ann gniomh d’a bhacadh, an shin cho rachadh duine do ’n t sluagh am mugha. Ach ’ta Dia comh-mhor ann aghaidh ar leir-sgrioss, as gu bheill e ag toirt teagaishg a- [TD 71] gus rabhaidh dhibh, agus ag curr baish agus beathaidh fa’r roghainn, agus ag sparragh air a mhinishtere earrallachadh oir-ibh, gun shibh-fein a churr am mugha, ach gabhail re trocair gu deonach, agus mar sho, dh’fhag e gun leith-sgeul shibh; ach mur iompoich sho shibh, gheall e gur i a run shuighichte, ar milleadh le leir-sgrioss gun teagamh, agus sparr e oir-’n a radh ribh ann a ainm fein, Rann. 8. “A dhuin’ aingidh gheibh thu gu dimhin bas!” Agus is beag nach do mhionnaich Criost a rish, agus a rish, ag radh, “Gu dimhin, dimhin, mur bith shibh iompoichte agus aith-ghinte, cho ’n fhead shibh doll a’s teach ann rioghachd neamha gu brath,” Mat. 18- 3. Join. 3. 3. Thugaibh fa dearr gu dubhairt e, “Cho ’n fhead shibh.” Is bruadar diamhain, duil a bhith ag-aibh rish an rioghachd sho, gun iompocha; oir cho shealbhaich daoine neimh-iompoichte gu brath i. Chi shibh anoish sheagh an teagaishg sho, chi shibh nach bheill Dia, reachd-thabhartaidh an t saoghail gu leir, ag gabhail tlachd air bith ann am bas dhaoin’ aingidh, ach gur roighniche leish gu pilleagh, agus gu mairreagh iad beo: giodh nach i a run gidheadh, gu bith beatha, ach ag an dream a philleas; agus mar bhreitheamh, is [TD 72] taitneach leish ceartas agus foilsheacha a dhiom ann aghaidh peacaidh, giodh nach taitneach leish Truaidh mar ata i int-e fein, an truaidh shin a tharraing daoin’ aingidh air an anama. 2. Mar a bhuinneas do dhearbha an teagaishg sho, gheibh shibh shin am briatharaibh ath-ghairrid, do bhridh mar a shaoileas mi, gur urrus leibh a chreidshinn cheanna. 1 ’Ta natur gras-mhor an Tighearna foilshichte; Exod. 24. 6. agus 26. 6. agus gu tric ann ionnadaibh eille, ag dearbhadh dhibh nach bheill tlachd air bith aig-e ann ar bas. 2. Nam bu taitniche le dia do bhas, na t iompocha agus do bheatha, cho sparragh e or-t coimh-tric pilleagh, ann a fhocall; cho tugagh e dhut coimh-lion gealla air beathaidh, nam pilleadh tu; agus cho chuirreagh e impidh or-t gu pilleadh, le uirrid reasoin; mar a dhearbhas an Soisgeul. 3. ’Ta am barrantas a thug Dia do mhinishteribh an t soisgeil ag lain-dearbhagh an teagaishg sho. Nam bu taitniche le Dia do leir-sgrioss, na t iompocha agus do shonnas, cho sparragh e riamh oir-’ne trocair a thairgsheadh dhut; an t slighe chum na beatha shioruidh, a theagasg dhut, gu diamhair agus gu follusach; a ghuidheadh agus [TD 73] a ghriosadh or-t pilleadh agus bith beo; fioss graineileachd agus cuntairt peacaidh a thoirt dut; uirrid as ata ann ar commas a dheanamh chum t’ iompochaidh; agus buanachadh le foidhid anns an obbair sho, giodh do bheirreadh tu fuath agus mio.ghnathacha dhuinn air son ar saothair. An deanadh Dia sho air ar son, agus am foilshicheagh e dhibh a reachd chum ar leass, nam bitheadh tlachd aig-e ann ar bas, agus leir.sgrioss? 4. Mar an ceadna, ’ta sho soilleir o riaghail ghnathaichte freasdail an Tighearna. Nam bu roighniche le Dia ar leir-sgrioss agus ar dorainn, na ar n iompocha, agus ar tearmann, cho choimh-shineagh a ghniomhara r’a ghealla; cho chataicheagh e rish fein shibh le caomhalachd gach la; cho n altramagh e shibh le nithibh maith na beathaidh sho, na meadhona shin d’ ar treorachadh chum aithreachaish, Romh. 2. 4. cho leagagh e an t slat-smachdachaidh oir-ibh coimh-tric, a churr ciall ann-aibh, agus a thoirt mothacha cuntairt dibh; cho tugagh e dhibh coimh-lion eishempler, agus cho ghiulaineagh e leibh comh-fhoidhidneach, as a rinn e o la gu la agus o bhliadhan gu bliadhan. Cho chomhara sho ga bheill tlachd aig-e ann ar bass; oir nam bu taitneach leish ar dorainn, nach b’ urrus d’a ar n [TD 74] iommain chum ifrionn o chian fadda? nach feadagh e gu tric roimh-e sho, ar spionagh ass fearrann nam beo, am boilshgin ar peacaidh, ar n ain-eolaish, ar n uaill, agus ar n ain-mianna, an uair bu mhallacha, mionna eithich, no breag bu chaint dibh; an uair a bha shibh gun cheill le mishg, no ag deanamh gaire fannoid mu naoimh-reachd De? nach b’ urrus d’a stadd a churr air ar n annail, ar cloidh le plaigh, anns an t saoghal sho, agus ar lain-cheansachadh le dorainn anns an t saoghal eille? an spairn leish an uillea-chumhachdach an teanga a ’s mo an-chaint agus mio-naomhachd a riaghlachadh; glass-lamh a churr air luchd dian-ruagaidh a ’s mo mio-run; buirb nan eas-cairde a ’s fuilleachdaiche run, a chiuineachadh; agus a dhearbhadh dhoibh gur beishteaga diblidh so-chloidh iad? nan amhairceagh e oir-ibh ach le gruaim, thuiteadh shibh bonn os ceann, anns an uaigh. Nan tugagh e barrantas do aon d’a ainglibh, doll a chosgradh deich mile peacach, nach gradd a rachagh an t iartas an gniomh? nach urrus d’a ar leagail air leabbaidh na h ea-slainte, gus am bith shibh ag buirich le cloidh? an deacair dh’ a a thoirt oir-ibh gu ’n ith shibh an an-chaint a thug shibh d’a luchd-muinteara, d’a fhocall, d’a aoradh, agus d’a shlighe naomha? an [TD 75] cruaidh air a thoirt oir-ibh curr a shirreadh comhna eidear-ghuidhe na h aittim air an d’ rinn shibh di-meass an-dana? nach urrus d’a t fheoil uaibhreach a chloidh le saigheadaibh agus le h osnaibh, gus am bith i graineil mar shalchar na talmhainn, agus mar ionnad comhnuidh neimh-iomchuidh do ’t anam? an fheoil shin a ’s eigin dut anoish a dhiol leish na nithibh a ’s fearr a chordas r’i, agus nach suail dut a mhio-thoilleachadh. An fheoil shin a ’s eigin dut a riarachadh le biadh, le deoch, agus le h eadach, cia b’ e ni a deirr Dia ann aghaidh sho; cia gradd a chuirreadh gruaim an uillea-chumhachdaich ass d’i? an uair a bha thu ag tagradh cuish do pheacaidh gu dian; ag consachadh rish an dream leish am b’ ail do tharraing uaidh-e; ag taishbineadh ’t ain-iochd ann aghaidh do luchd-achmhusain, agus ag gabhail leith-sgeil obbair an dorchadaish; nach b’ urras do Dhia t’ fhuadachadh leish, agus do churr ann an lathair a Mhorachd uabhasaich; ann am faiceadh tu deich mile do mhiltibh aingel glor-mhor ag feitheamh air cathair a bhreitheamhnaish; agus am breitheamh ag toirt gairm dhut, do chuish a thagradh, agus a cheisht sho a fhreagradh, “Ciod e anoish ata ag-atsa r’a radh ann aghaidh do chruthai- [TD 76] fhir; ann aghaidh fhirinn; ann aghaidh a luchd-muinteara; agus ann aghaidh a naoimh-reachd? Tagair anoish do chuish mar is fearr is urra thu. Cia mar a ghabhas tu leith-sgeul do pheacaidh? freagair air son do shaoghaltachd an-barraich; do bheatha fheolmhoir; t aimshir agus gach trocair a mhio-bhuillich thu.” Och, nach leaghadh do chroidhe cruaidh; nach ishlicheadh do shealla borb; nach uainicheadh do ghnuish le h uamhann; nach iompoicheadh do bhriathara maslach gu tosd, no gu sgreadda gairishneach; nan cuirreadh Dia mar shin thu ann lathair cathair a bhreitheamhnaish, agus nan tagragh e reut a chuish fein, a chuish shin a dhid thusa coimh-mhio-runach air tallamh? mar bu reidh do Dhia a radh re t anam ciontach, “Imthich, na bith tuille anns an fheoil shin gu la na h aish-eirigh,” am feadadh tu curr ann aghaidh sho? sgoilidh focall a chumhachd coimh-cheangal t anama agus do chuirp, agus ann shin bithidh gach cumhachd chorpor’a ’ta ag-at gun efeachd, agus gach ball gun mhothacha. Nan abradh Dia reut, “Na bith beo ni ’s faidde; no triall chum ifrionn;” Am feadadh tu gun gheill a thoirt d’a? Ach cho do rinn Dia sho; ach chaomhuinn e [TD 77] beo thu gu foidhidneach; chum e suas thu gu trocairreach; fhuair thu uaidh’ an annail leish an d’ thug thu an-chaint dh’a; gach tiolac a thug thu mar iobhairt do ’n fheoil; gach tiolac leish an do shasaidh thu do shlugan ciocrach; agus gach uair do ’n aimshir shin a mhio-bhuillich thu air diamhanas, mishg agus an-saoghaltachd: agus nach bheill an fhoidhid agus an trocair sho gu leir, ag dearbhadh dhut nach taitneach le Dia do leir-sgrioss? am fead lochrann lassadh gun ola? an sheass do thighe gun an tallamh ’g an giulan? cho mho na shin a sheassas tusa aon uair ann am fearrann nam beo gun chomhna Dhe. Ciod uim-e chum e comh-fhadda beo thu, ach chum as gu smuainticheadh tu air ammaideachd do shlighe, agus gu ’n iompoicheadh tu chum bith beo gu sonna shioruidh? An cuirr neach air bith arm gu deonach ann an laimh a namhaid a churr cath air fein? an cum duine glic sollas re fear-muirt a chosgras a chlann; no re fear-tuarusdail chum as gu bu lear dh’a aimshir a mhio-bhuilleachadh le sugra no le diamhanas? is ni cinteach gu do ghiulan Dia leatsa comh-fhadda, chum as gu pilleadh tu agus gu bitheadh tu beo. 5. Os-barr ta paish Mhic De ag dearbhadh, [TD 78] nach taitneach le Dia bas dhaoin’ aingidh. An saoragh e o bhas iad le luach comh-daor? An cuirreagh e iongantas comh-mhor air aingle, agus air daoine, le aontacha ro ghras-mhor? an tigeadh Dia ann riochd sheirmhishich a gabhail comhnuidh ann am feoil, agus an gabhagh e Daonachd ann aon phearsa leish an diadhachd? Am fuillingeadh Criost uirrid dolaish ann a bheathaidh, agus an rachagh e fa bhas mallaichte, air son luchd peacaidh; nam bu taitniche leish am bas na am beatha? nam faiceadh shibh e gu durachdach ag teagasg slighe na beathaidh, agus ag leigheas creachda luchd ea-slainte, Marc. 3. 23. Nam faiceadh shibh e an-fhadd ann an trosga, Mat. 4. Nam faiceadh shibh e fadd oiche re h urnaidh, Luc. 6. 12. Nam faiceadh shibh e fa dhruchd fallaish fholla, le spairn urnaidh, Luc. 22. 24. Agus nam faiceadh shibh fhuill neimh-chiontach ag smuidrich air a chroich, agus e ag dortagh amach anama mar iobhairt air son ar peacaidh. Nam faiceadh shibh sho uille, an saoileadh shibh gu bu taitneach le Criost bas shioruidh dhaoin’ aingidh? Na smuaintichibh mor-luach a bhaish a lughdachadh, le radh, gu do bhasaich e air son dhaoine toght’ amhain. Oir is e do pheacas’ agus peaca [TD 79] an t saoghail gu leir an t uallach a bha air ar fear-saoraidh; agus thug e lain-diola ant’ uille, leish an iobhairt a thug e do cheartas De air an son; agus thairgeadh tairbhe na h iobhairt sho do gach duine fa leath do ’n, t sluagh ach is fior, nach b’ i run Chriost riamh maitheamhnas agus tearmann a dheonachadh do ’n dream nach pill le creiddeamh agus le h aithreachas. Nam faiceadh agus nan cluinneadh shibh e, ag caoidh agus ag osnaich air son staidd an t sluaigh eas-umhail gun aithreachas, Luc. 19. 41. 42. No ag gearran air an eas-urram, Mat. 23. 37. “A Jerusalem, a Jerusalem, cia tric a b’ ail leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h alach fa a sgiathaibh, agus cho b’ ail leibh sho?” No nam faiceadh agus nan cluinneadh shibh e air crann na croiche, ag eidear-ghuidheadh air son a luchd dian-ruagaidh, “Athair thoir maitheamhnas doibh, oir ni bheill fiofs ac-a ciod e ata iad ag deanamh.” Nan cluinneadh shibh sho, an cuirreadh shibh ann umhail d’a gu roibh tlachd aig-e ann am bas dhaoin’ aingidh; sheadh ann am bas na h aittim shin fein a chaidh am mugha le mi-chreiddeamh toilleil? “An uair a ghradhaich Dia an saoghal comh-mhor, as gu d’ thug e aoin-ghin Mhic fein, [TD 80] chum as cia b’ e neach a chreiddeagh ann, nach rachagh e am mugha, ach gu faidheagh e beatha shioruidh:” shaoilinn gu do dhearbh e air an doidh sho, ann aghaidh mio-ruin dhaoin’ agus dhiabhla, nach bheill tlachd air bith aig’ ann am bas dhaoin’ aingidh, ach gur roighniche leish gu pilleagh iad agus gu bitheagh iad beo gu sonna shioruidh. 6. Fa dheoidh, mur creidd shibh sho uille, agus mur toillich e shibh, creiddibh focall Chriost fein; oir is aithne dh’a a run fein, ni a ’s fearr na is aithne dhuinn i. No air a chuidd a ’s lugha creiddibh a mhionna: ach treoraichidh sho mi chum a cheathraimh teagishg. TEAGASG IV. Dhaighnich an Tighearna dhuinn le a Mhionna, nach bheil tlachd air bith aig-e ann am bas dhaoin’ aingidh, ach gur roighniche leish gu pilleagh iad agus gu bitheagh iad beo; chum as nach bitheagh abhar ag duine do ’n t sluagh an fhirinn sho a churr an teagamh. Ma chuirreas shibh focall an Tighearna ann teagamh gu h an-dana, ta duil ag-am nach cuirr shibh cunnuil an-dan’ air a mhionna. Mar a [TD 81] mhionnaich Criost gu follasach, nach fead an dream nach bheill aith-ghinte agus iompoichte doll chum rioghachd neamha gu brath. Mat. 18. 3. Join. 3. 3. Mar an ceadna, mhionnaich Dia nach taitneach leish bas luchd-aingidheachd, ach an iompocha agus am beatha: agus ars’ an t Apstol, Eebh. 6. 13—18. “Do bhridh nach fead Dia mionnachadh air neach a ’s mo na e-fein, mhionnaich e air fein, &c. Mionnaichidh daoine gu dimhin, air neach a ’s mo na iad fein, agus is e am mionna-daighneachaidh crioch gach conspoid. Air bith do Dhia deonach, neamh-ch’aochlaidheachd a chomhairl’ a thaishbineadh do oighribh a gheallaidh, dhaighnich e le mionn’ i. Chum as trid da ni neamh-ch’aochladhach ann nach fead Dia breag a dheanamh, gu bith comh-fhurtachd laidir ag-ainn, ag teicheagh a ghreammachadh rish an dochas a ’ta roimh-inn, agus a ’ta ag-ainn mar acair ghreammail chinteach anama.” Ma ’ta duin’ air bith do ’n t sluagh nach urrr’ a reiteachadh sho re teagasg reamh-ordochaidh, no fior-dhamnaidh dhaoin’ aingidh, is i sho coirre ain-eolaish fein; ni bheill abhar air bith aig-e an fhirinn sho a sheanadh, no a churr ann teagamh: oir dhaighnicheagh i le mionna Dhe, agus air an abhar shin cho ’n fhea- [TD 82] dar a lubagh a choimh-shineadh re barr’ailibh mearrachdach, ach barr’aile neimh-chinteach a lubadh d’a h ionsuidh, agus is eigin a chreidshinn gu bheill firinne araid ag comh-fhreagradh dh’i, giodh nach urra ar n anama criochnaicht’-ne an coimh-reit’ a thuigshinn ach gu gann. FEIM Guidhim or-t, ma ’s peacach neimh-iompoichte thu, co’-thromaich feadh tammail bheig na teagasga shin a chualadh tu, agus smuaintich co leish an taitneach do pheaca, agus do dh’orainn? is cinteach nach taitneach le Dia iad: oir mhionnaich e mar is beo e nach bheill tlachd air bith aig’ ant-a. Agus is dimhin leam nach b’ i do run Dia a thoilleachadh le peaca. An abbair thu gu h an-dana, gu d’ ol gu do mhionnaich, gu do dhearmaid thu dleastanas naomha, agus gu do mhuch thu comhairl’ an spioraid a thoilleachadh Dhe? Mar gu tugadh tu an-chaint do ’n riogh, eas-umhlachd d’a reachd agus ionsuidh mhilteach air fein; agus gu ’n abradh tu, rinn mi sho uille d’a thoilleachadh. Co eille leish an taitneach do pheaca agus do bhas? cho taitneach le dream air bith air am bheill dreach na diadhachd, oir is eigin gur ionnann [TD 83] intinn dhoibh’-sin agus do Dhia fein. ’Ta fioss ag Dia, gur mio-thlachd le d’ luchd teagaishg dileas, amharc or-t ag toirt geill do d’ namhad milteach, gu h e-ceilidh ag curr do shonnaish shioruidh ann cuntart, agus ’g-at thilgeadh fein ann lassair ifrionn. Is abhar dubh-broin leo bith ag amharc air an dorainn a rinneagh air t anam, le h ain-eolas, cruas-croidhe, an-toilleileachd, leishg agus neamh-churam mu thriall trid an t saoghail sho air slighe na beathaidh agus na shith; is aithne dhoibh, gur comhara baish, agus feirg Dhe iad shin; is aithne dhoibh o fhocall De ciod e is crioch chosmhail doibh: agus air an abhar shin, cho taitniche leo iad, na le leigh tiom-chroidheach neasgaide plaigh fhaicshinn air daoine tinn a ’ta fa a laimh. Is truagh bith ag leirsinn ar dorainn shioruidh roimh-laimh, agus gun sheol’ ag-ainn a gabhail roimp-e! Bith ag faicshinn cia dluth shibh air ifrionn, agus gun sheol’ ag-ain a thoirt oir-ibh shin a chreidshinn, agus a thoirt fa dearr! bith ag leirsinn gu b’ urrus dibh tearnadh, gu cinteach, nam b’ aithne dhuinn ach ar deanamh toilleach, a ghnathachadh nam meadhona! cia dluth shibh do shonnas bioth-bhuan, nam pilleadh shibh, gu curamach, saothaireach, agus le uille dhi’cheall ar beathaidh! ach cho phill shibh. [TD 84] Giodh do chuirreamaid ar n anama ann geall, cho ’n urra shinn impidh a churr oir-ibh sho a dheanamh. ’Ta shinn ag dealbh gach oich agus la, ciod e a theagaishgeas shinn dibh a churr impidh oir-ibh, ach chaill shinn ar saothair. ’Ta shinn ag dearbhadh dhibh o fhocall De, nach teassairgir shibh mur pill shibh; ach is eigin duinn cuidd mhor ag-aibh fhag’ail neimh-iompoichte mar a fhuair shinn shibh. ’Ta duil ag-ainn gu creidd shibh focall De, giodh nach creidd shibh shinne, agus gu toir shibh fa dearr e, ann uair a chi shibh sgriobht’ e; ach is diamhain ar duil, agus is diamhain ar saothair mu atharacha slainteil ar n anama. Agus an saoil shibh gur taitneach leinne sho? is tric bu mhaith leinn cruas ar croidh’ a ghearran re Dia, ann an urnaidh dhiamhair le dubhachas anama, ag radh, “Och a Thighearna, labhair shinn reu ann a t ainm, ach is beag a thug iad fa dearr shinn; dh’innish shinn doibh na dh’iarr thu oir-’n mu chuntart an staidd neimh-iompoichte, ach cho do chreidd iad shinn; dh’innish shinn doibh gu do mhionnaich thu nach bheill shith do ’n duin’ aingidh; ach is gann a chreidmheas an dream a ’s meassa dhiu gu bheill iad aingidh; thaishbin shinn doibh t fhocall, ann an dubhairt thu, ma [TD 85] chaitheas iad am beatha do reir na feola gu basaich iad; Romh, 8. 13. ach is caint doibh gu creidd iad thu, giodh nach creidd; agus gu ’n earb iad ass-at, ann uair nach creidd iad smidd do t fhocall, ann duil gu bheill do bhagra breagach; agus deirr iad gur dochas diadhaidh sho; agus giodh do nochdas shinn doibh an t ait ann an dubhairt thu, gu basaich uille dhochas an duin’ aingidh, an uair a bhasaicheas e-fein; gidheadh cho ’n urra shinn an iompochadh o an dochas mealtach; Sheanr. 11. 7. Dh’innish shinn doibh, cia screattaidh mio-tharbhach am peaca, ach is ionmhuinn leo e; agus uim-e shinn cho treig iad e. Thoirmishg shinn doibh gun an sonnas shioruidh a churr gu dana ann geall solaish dhiom-buain pheacaich, d’ an crioch do’rainn bhioth-bhuan; agus shean, agus choishrig iad iad fein, agus cho d’ thug iad fa dearr ar toirmeasg; ach ni iad mar a ni am mor-shluagh peacach: do bhridh gu bheill Dia trocaireach, cho chreidd iad a bhagra, ach cuirridh iad an anam’ ann cuntart, ciod e air bith a tharlas. dh’innish shinn doibh gu bheill Dia deonach a ghabhail reu ma philleas iad; agus cho d’thug sho orr-a ach dail a churr ann aithreachas, agus peacachadh le tuille dana- [TD 86] daish. Is caint do chuidd diu gu bheill aithreachas ann an run an anama, ach ’ta iad do ghnath air aon doidh; arsa cuidd eille dhiu, ghabh shinne aithreachas cheanna, gidheadh ’ta iad neimh-iompoicht’ o am peacaibh. Ghuidh agus ghrios shinn orr-a pilleadh, agus thairg shinn cuiddeachadh leo, ach cho b’ urra shinn impidh a churr orr-a; ach an dream a bha mishgeach ’ta iad mishgeach; an dream a bha ailgheasach feol-mhor, ’ta iad ailgheasach feol-mhor; an dream a bha an-saoghalta, ’ta iad an-saoghalta; agus an dream a bha ain-eolach, borb, agus fein-speisheil, ’ta iad mar shin, gun atharacha. Is tearc iad a chi agus a dh’aidmhicheas am peaca; agus is teirce iad a threigeas e, ach is abhar mishnich leo, gu bheill na h uille dhaoine peacach; mar nach bitheagh peacach iompoichte agus peacach neimh-iompoichte eidir-dheallaichte. Cho tig cuidd diu am fogasg dhuinn, giodh do bhitheas shinn toilleach an teagasg, ach saoilidh iad gu bheill iad fein lan-fhoghlomta cheanna, gun fheim air tuille. Eishdidh cuidd eille r’inn, ach ni iad an an-toill fein. ’Ta cuidd mhor dhiu mar dhaoine marbh gun mhothacha; cho ’n urra shinn a thoirt air teagasg an t sonnaish shior- [TD 87] uidh gu druith smidd dh’e air an anama, no gu faicir a dhreach air an giulan. Mur geill shinn doibh, mur freagair shinn an ain-iartas, mur baisht shinn clann dhaoin’ aingidh ro dho-lubaidh, mur toir shinn dhoibh suipper an Tighearna, agus mur dean shinn gach aon ni a ’s ail leo, sheadh ann aghaidh focaill De, bheirr iad fuath agus an-chaint dhuinn; ach ma ghuidheas shinn orr-a am peaca aidmheachadh, agus a threigshinn, agus an anama a theassairginn; cho dean iad shin. Dh’innish shinn doibh, ma philleas iad, nach diult shinn baishte d’an clainn, no suipper an Tighearna dhoibh fein; ach cho ’n eishd iad r’inn: b’ ail leo gu tugamaid eas-umhlachd do Dhia, agus gu leir-sgriossamaid ar ’n anama fein air an iartas-’san, gidheadh cho pill agus cho teassairg iad an anama fein air iartas De. Is glice iad ’n an suilibh fein na an luchd teagaishg uille; ’ta iad air mirre le buirb, agus ro earbsach ass an slighe fein; giodh do chuirreamaid ar n anama ann geall, cho b’ urra shinn an atharachadh. A Thighearna, is i sho staidd ar treada truagh, agus cho ’n urra shinn a leassachadh; chi shinn iad ann cuntart tuittim ann ifrionn na dorainn, agus cho ’n urra shinn am bacadh: ’ta [TD 88] fioss ag-ainn ma philleas iad gu neimh-chealgach, gu teassairgir iad; ach cho ’n urra shinn an impidh shin a churr orr-a; giodh do ghuidheamaid orr-a air ar gluna, pilleadh, cho druith ar n impidh orr-a, giodh do ghriosamaid sho orr-a le dearaibh, chaill shinn ar saothair: agus am bheill tuille ann ar commas?” Is e sho an gearran diamhair, a ’s eigin d’ar luchd teagaishg a dheanamh le h osnaibh mhulladach, agus an saoil shibh gur taitneach leo abhar an gearrain? an taitneach leo ar trialls’ ann an slighe peacaidh chum ifrionn agus dorainn, agus gun sheol’ air ar baca? bith ag amharc oir-ibh ann am meadhon truaigh’ gun chommas ac-a thoirt mothacha dhibh air ar cuntart? bith ag amharc oir-ibh re sugra, agus gun fhioss ag-aibh am bheill uair eidir shibh agus ifrionn? bith ag smuainteachadh ciod e is eigin dibh fhullang gu shioruidh, do bhridh nach do phill shibh ann an la tairgshe nan grasa? agus bith ag smuainteachadh ciod i a bheatha shioruidh ghlor-mhor a thilg shibh uaibh, le di-meass toilleil? an urra shibh a dhealbh ni air bith a chuirreas tuille campair air luchd teagaishg na sho? Co anoish ata shibh ag toilleachadh le ar peaca agus le ar bas? cho taitneach le ar deagh [TD 89] chairdibh tuigsheach iad. Och, is campar intinn leo bith ag amharc air ar truaigh, is tric a ghuilleas iad air ar son, an uair nach toir shibh dhoibh ach ro bheagan buidheachaish, agus an uair nach bheill mothacha ag-aibh a chaoidheagh ar staidd fein. Co anoish leish an taitneach ar peaca? co ach tri naimhde mor an Tighearna Dia; na naimhde shin a threig shibh ann ar baishte, agus rish an do phill shibh anoish, a thoirt lain-gheill doibh. 1. Is dimhin gur taitneach leish an diabhol ar peaca agus ar bas: oir is i sho fir-chrioch uille bhuairidh, agus fhuirrreachraish oir-ibh gach oich agus la. Cho ’n urra shibh a dhealbhadh ni a’s taitniche leish an diabhol na shir-ghiulan peacach. Nach aitt leish an uair a chi e shibh ag doll chum tigh mishge, no peacaidh eille? am bheill ceol a’s binne leish na bith ag eishdeachd do mhionnachaidh, do mhallachaidh, agus t an-chaint? cia taitneach leish bith ag eishdeachd reut, ag toirt an-chaint do t fhear teagaishg, leish an ail do philleagh o shlighe peacaidh a threoraicheas chum ifrionn, agus do sduireagh air slighe an t soisgeil chum fhlaitheish na gloire? shin solas an diabhoil! [TD 90] 2. Is solas le luchd-aingidheachd do pheaca agus do thruaigh; oir is ionmhuinn leish gach neach a cho’s’lass. 3. Ach gidheadh, ’ta fioss ag-am nach i do run an diabhol a thoilleachadh, sheadh an uair a thoillicheas tu e: ach is i do run t fheoil fein, an namhad a ’s mo agus a ’s cuntartaich’ a ’ta ag-at, a thoilleachadh. Is taitneach leish an fheoil a diol do bhia, do dheoch, agus do thruscan, d’a deanamh tlachd-mhor ann cuiddeachd, agus creiddeasach aluinn ann suilibh an t saoghail. Is taitneach leish an fheoil sugra, ain-mianna, agus diamhanas; sho am poll ann am bathar daoin’ aingidh nach iompoich; agus an Dia d’an geill iad; oir is e am bolg an Dia. Phil. 3. 18. Ach guidhim oir-ibh fannaibh tammall beag agus smuaintichibh air na nithe sho. CEIST I. An coir dhibh ar feoil a thoilleachadh roimh ar cruthai-fhear? am mio-thoillich shibh an Tighearna, ar luchd teagaishg, ar cairde diadhaidh, agus gach duine, chum ar n ain-mianna bruideil a thoilleachadh? am fiu leibh Dia a riaghlachadh [TD 91] ar feola? mur riaghlaich e i, na bitheadh duil ag-aibh gu teassairg e i. CEISHT II. Is taitneach le ar feoil peaca: ach an taitneach le ar coguish e? nach bheill i ag gearran air ar staidd, agus gu tric ag insheadh dhibh, nach bheill shibh coimh-tearuint’ as a shaoileas shibh? agus nach coir dhibh ar n anama agus ar coguish a thoilleachadh roimh ar feoil? CEISHT III. Ach nach sollair ar feoil a solas fein? is ionmhuinn leish a chorp am bia, ach an ionmhuinn leish an dubhan? is ionmhuinn leish deoch laidir, greim blasta, socair, cluich, agus sugra; is ionmhuinn leish saibhreas, deagh alla, agus aird-inbhe shaoghalta; ach an ionmhuinn leish mallachd Dhe? an ionmhuinn leish sheassamh le geilt-chrith an lathair cathair a bhreitheamhnaish, gus an toirir breith a thilgeil anns an teinne shioruidh? an ionmhuinn leish bith air a chloidh leish na diabhlaibh gu brath? gabhaibh iad sho uille le cheille; oir cho sgarrar ifrionn o pheaca, ach le fir-chreid- [TD 92] deamh agus iompocha amhain; ma choimheadas shibh ar peaca, is leibh ifrionn gu cinteach. Ma ’s solas leibh bas agus ifrionn, cho ’n iongantas giodh do thriallas shibh ann slighe peacaidh: ach mur solas leibh iad, mar is cinteach leam nach eadh, cia taitneach air bith am peaca, an diong e call an t sonnaish shioruidh? am bheill bia, no deoch, no socair; am bheill deagh alla o pheacachaibh, no saibhreas saoghalta ni ’s luach-mhoire na solas neamhaidh? no an diong iad cloidh an teinne shioruidh? a dhaoine! nach coir do gach neach ag am bheill reason a chreidshinn gu bheill anam aig-e r’a chall no r’a theassairginn, smuainteachadh air na ceishte sho, mun triall e ni ’s faidde? Sheadh anoish, mhionnaich an Tighearna ann sho, nach solas leish ar bas, ach gur roghainn leish gu pilleadh agus gu bitheadh shibh beo. Gidheadh, ma thriallas shibh chum baish, mar roghainn air pilleadh; cuimhnichibh nach ann a thoilleachadh Dhe, ach d’ ar toilleachadh fein agus an t saoghail, a rinn shibh shin. Ach ma chuirreas shibh am mugha shibh-fein, d’ar toilleachadh fein, agus ma ruidheas shibh chum cloidh shioruidh ag iarraidh solaish, agus mur bheill do cheill, do chroidhe, no do ghras ag-aibh, eishdeachd re Dia, no re daoinibh leish an ail ar pilleadh; na bitheadh duil [TD 93] ag-aibh re tearmann, ach meallaibh duaish ar droch-thoilteanaish, agus gabhaibh aithreathas air modh eille, an uair a bhitheas e ro an-moch. Mun gabh mi ni ’s faidd’ air m’ aghaidh chum tuille feim a dheanamh do na nithibh shin a chualadh shibh, thugamaid fa dearr an teagasg a ’s foigshe; agus bheirr shin tuille faith dhuinn. TEAGASG V. ’Ta Dia comh-durachdach mu iompocha dhaoin’ aingidh, as gu d’aithin agus gu d’earrallaich e gu deinneachdach, “Pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?” ’Ta an teagasg sho ag earrallachadh oir-ibh, feim iom-chuidh a dheanamh do ’n teagasg a chualadh shibh fa dheirre, agus laimhshichir e do reir shin. Am bheill peacach neimh-iompoichte air bith, ag cluintinn briathara durachdach sho an Tighearna Dia? am bheill fearr no beann anns a choimh-thionnal sho anoish, a ’ta ain-eolach air obbair an Spioraid naoimh’ a nuadhaicheas agus a naomhaicheas? is coimh-thionnal sonna e, mur bheill cuidd mhor dh’e neimh-iompoichte! cluinnibh guth ar cruthai-fhir, agus pillibh rish trid Chriost, gun dail. An ail leibh eolas air toill Dhe! [TD 94] is i sho a thoill gu pill shibh air ball. An cuirr an Dia beo teachdaireachd chomh-durachdach chum a chreatuire; agus nach coir dhoibh geill a thoirt d’i? cluinnibhs’ uille a ta beo do ’n fheoil; chuirr an tighearn’ a thug dhibh air bith agus ar beatha, teachdaireachd o neamh d’ ar n ionsuidh; agus is i sho a theachdaireachd, “Pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?” an ti ag am bheill cluasa chum eishdeachd eishdeagh e. An deanar di-meass air guth na morachd shioruidh? ma labhras e le guth na tairnich uabhasaich, ta geilt-chrith oir-ibh. Ach is coir dhibh tuille suim a ghabhail do ghuth sho a theachdaireachd. Nan insheagh e dhibh gu basaich shibh am marach, an cuirreadh shibh sho ann neimh-bhridh? ach is is aithne agus earrail an teachdaireachd sho, ann am bheill do bhas no do bheatha shioruidh. Mar gu ’n abragh e rish gach duine fa leath, “sparram or-t, air sgath na h umhlachd mhionnaicht’ a dhligheas tu dhomsa do chruthai-fhear agus t fhear-saoraidh, sparram or-t, cul a churr rish an diabhol, rish an t saoghal, agus rish an fheoil, agus pilleadh reumsa, chum as gu bith thu beo gu tearuinte. Aontaichim a ghuidheagh or-t, ma ’ta gradh ag-at air an Dia a chruthaich thu, no eagal or-t roimh-e; ma ’ta gradh [TD 95] ag-at air t anam fein, agus air beathaidh, sheadh beatha shioruidh, pill agus bith beo; mar a b’ ail leat tearnagh o dhorainn bhioth-bhuain, pill, pill, ciod uim’ a bhasaicheas tu?” am bheill croidh’, ann an duine, ann an creatuir reasont’, a ’s urra an cuirre, an t iartas, agus an earrail dhurachdach sho a dhiultadh? ma ’ta, nach gabhaidh cruaidh e! Eishdibhs’ uille leish an ionmhuinn shibh-fein agus ar sonnas: sho an teachdaireachd a ’s mo solas a thainig riamh chum cluasa dhaoine, “Pillibh, pillibh, ciod uim’ a basaicheas shibh?” cho do ghlassadh fa an-dochas shibh. Sho trocair ann ar tairgshe; pillibh agus gheibh shibh i. A dhaoine, cia mor an gairdeachas anama leish an coir dhibh gabhail rish an teachdaireachd sho! ’Ta fioss ag-am nach e sho an cead am a chualadh shibh i: ach cia mar a thug, no cia mar a bheirr shibh anoish fa dearr i? a pheacacha ain-eolach neamh-churamach, cluinnibh focall an Tighearna! cluinnibhs’ uill’ a dhaoin’ an-saoghalt’ a shasaicheas ar n ain-mianna feol-mhor; shibhs’ a luchd- craoish agus mishge, a luchd neamh-ghlain’ agus mionna; shibhs’ a luchd cul-chaint, maslaidh, an-chaint agus bhreaga; pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh? [TD 96] Cluinnibhs’ uill’ a luchd na h aidmheil fhuar-chrabhaich o ’n leath a muigh, a ’ta ain-eolach air beathaidh Chriost, nach do ghabh eolas riamh air cumhachd a cheasaidh agus aish-eiridh, nach do mhothaich riamh ar n anama lasta le gradh dh’a, agus nach do ghabh beatha uaidh-esin, neart ar n anama; pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh? Cluinnibhs’ uille ag am bheill intinne gun gradh Dhe, gun togra ’n a dhiaidh, agus gun tlachd ann am muinghin gloire; ach a ’ta ni ’s toighiche gu mor mu shuaimhneas agus mu shoirbheacha saoghalta, na mu sholas neamhaidh? shibhs’ uille nach bheill ach leath-chrabhach, agus nach toir do Dhia ach an umhlachd a sheachnas an fheoil; agus nach do shean ar fein-speish fheol-mhor, agus nach do threig gach ni a ’ta ag-aibh air son Chriost le lan-run shuighicht’ anama, ach ag am bheill ni saoghalt’ eigin co’-luach-mhor ann ar barr’ail as nach deallaich shibh rish air son Chriost fein, giodh d’ iarras e oir-ibh e, ach leish an roighniche doll ann cuntart a dhiom, na cull a churr rish an ni thoirmishgte shin, pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh? Mur cualadh agus mur d’ thug shibh roimh-e sho fa dearr e, cuimhnichibh gu d’ insheadh dhibh [TD 97] anoish o fhocall De, ma philleas shibh, gu bith shibh beo; ach mur pill shibh, gu basaich shibh gun teagamh. Ciod anoish a ni shibh a dhaoine? ciod e ata ann ar ruin? am pill no nach pill shibh? na staddaibh ni ’s faidd’ eidir da bharr’ail: ma ’s e an Tighearn’ ar Dia leannaibh e: ach ma ’s i an fheoil ar Dia, thughaibh tuille geill d’i. Ma ’s fearr leibh neamh, na tallamh agus solas feol-mhor, thigibh agus iarraibh duthaich a ’s fearr, agus taishgibh ar n ionmhas far nach truaill meirg no leoghann, agus far nach cladhaich agus nach goidd meirleach, agus mosglaibh anoish le ar n uille neart, dh’iarraidh rioghachd nach gluaishir, Eabh. 12. 28. Buillichibh ar n aimshir ar gnothach a ’s airde, agus pillibh sruth ar curaim agus ar saothair chum sruth-chlaish eille, anns nach b’ abhaist leo rith. Ach ma ’s fearr agus ma ’s buaine leibh tallamh na neamh; congbhaibh ag-aibh e, deanaibh am feim a ’s fearr leibh dh’ e agus leannaibh rish. A dhaoine’ an do smuaintich shibh ciod e a ni shibh? mur do smuaintich, bheirr mi earrail no dha eill’ oir-ibh, a shealtainn an toir reason oir-ibh socrachadh ar leass ar n anama. 1. Faicibh ciod e an sonnas a dheassaich an Dia trocaireach dhibh: agus cia truagh an [TD 98] gnothach gu rachagh aon duin’ am mugha ann a dhiaigh sho uille. Bha aimshir, ann an roibh cloidheamh lassarra air an t slighe, agus chongbhadh mallachd Reachd Dhe air t aish thu, cia toilleach air bith a bhitheadh tu chum pilleadh re Dia: bha aimshir, ann nach b’ urra thu fein agus t uille chairde saoghalta, maitheamhnas do pheacaidh a chaidh sheach a chosnadh dhut, sheadh, giodh do bhitheadh tu ’g a chaoineadh agus ’g a leassachadh gu la do bhaish. Ach thug Criost an ceap-tuishlidh sho ass an t slighe, le dorta fholla mar ar luach-saoraidh. Bha aimshir, ann an roibh Dia aimh-reidh reut, do bhridh nach d’ fhuair e diola ann am brishe a reachd: ach anoish ’ta e coimh-diolt’ ann an sho, agus coimh-reidh reut, as gu d’ thug e amach mar lagh, nach cuimhnich e do pheaca dh’ut ni ’s mo, ma ghabhas tu re Criost agus re sonnas air cumhnant an t soisgeil, mar ata e ’g an tairgsheadh dh’ut, agus ’g an cuirreagh or-t gu saor, ag dearbhadh dh’ut, gur leat iad ma ’s ail leat- Oir, “bha e ann an Criost, ag reiteachagh an t saoghail rish fein, agus thug e dhuinne focall na reite shin,” 2. Cor. 5. 18. 19. A luchd ceannairc, ’ta iartas ag-ainn an teachdaireachd sho a reic ribh uille, mar o Dhia. “Thigibh oir ’ta na h uille nithe ullamh, Luc. [TD 99] 14. 17.” Am bheill na h uille nithe ullamh, agus am bheill shibhs’ neamh-ullamh? ’Ta Dia ullamh a thoirt oidheachd dhibh, le maitheamhnas gach peacaidh a chuirr shibh ann gniomh ann a aghaidh, ma thig shibh. Cia fadda, cia toilleil, no cia uabhasach air bith a pheacaich shibh, ’ta Dia ullamh d’a thilgeil sho uill’ air cul ma thig shibh. Giodh do theich shibh o Dhia, mar a theich am Mac struidheil o Athair, agus giodh d’ fhann shibh comh-fhadd’ uaidh-e, ’ta e ullamh a rith ann ar comh-dhail, chum ar failteachagh ann an glacaibh a ghraidh, le gairdeachas mu ’r n iompocha, ma philleas shibh. Gheibh an duin’ an-saoghalt’ agus am mishg-fhear buaireasach, Dia ullamh a churr failt’ orr-a, ma philleas iad. Nach iompoich sho do chroidhe? A pheacaich, ma ta croidhe feola, agus cho chroidhe cloich’ ag-at, shaoilinn gu leaghadh sho e. Am fann Aird-riogh neamha re d’ phille, agus am bheill e ullamh a ghabhail reuts’ a thug mio-ghnathacha dh’a, agus a dhearmaid comh-fhadd’ e? an gabh e tlachd ann a t iompocha, agus gu b’ urrus d’a a cheartas a ghlorachadh ann do leir-sgrioss? agus nach leagh sho do chroidhe cruaidh, agus nach bheill thu ullamh gu pilleadh? nach bheill uirrid abhair ag-atsa bith ullamh gu teachd, [TD 100] as ata ag Dia a thoirt cuirre failteach dh’ut? Ach cho ’n e sho an t iom-lan; rinn Criost a chuidd fein air a chroich, rinn e an t slighe coimh-reidh dh’ut chum an Athar, as gur urrus dh’ut triall uirr-e, agus is e do bheatha air son Chriost, ma thig thu. Agus nach bheill thu ullamh anoish? Dheonaicheadh, agus thairgeadh dh’ut maitheamhnas anns an t soisgeul. Agus am bheill thu ullamh a ghabhail rish? ’Ta luchd teagaishg an t soisgeil ullamh a chuiddeachadh leat, do d’ theagasg agus a labhairt briathara shioth-chainteach an fhuasglaidh re t anam, ’ta iad ullamh a dheanamh urnaigh air do shon, agus a nasgadh do mhaitheamhnaish le friothola suippeir naomh’ an tighearna; agus nach bheill thu ullamh anoish? ’Ta uille luchd eagail De mu d’ thimchioll ullamh a dheanamh gairdeachaish mu t iompocha, a ghabhail reut ann an communn nan naomh’ agus a thoirt deass-lamh a chomh-chommuinn d’ut’, sheadh, giodh do thilgeagh amach o an cuiddeachd thu: ni bheill do dhanadas ac-a gun mhaitheamhnas a thoirt d’ut, an uiar a chi iad o t aidmheil agus o t iompocha gu d’ thug Dia maitheamhnas d’ut: ni bheill do dhanadas ac-a, sheadh do pheac’ a chaidh sheach a churr mar chunnuil [TD 101] or-t, do bhridh gu bheill cint ac-a nach cuirr Dia cunnuil or-t air a shon. Cia maslach air bith do ghiulan a chaidh sheach, ma philleas tu gu croidheil agus ma thig thu a’s teach, cho diult iad reut; abragh an saoghal na ’s ail leo. Agus am bheill iad shin gu leir ullamh a ghabhail reut agus nach bheill thus’ anoish ullamh a theachd a’s teach? Sheadh, ’ta neamh fein ullamh: gabhaidh an Tighearna reut chum gloir a chuidd naomha, giodh bu graineil am biast thu, ma ’s ail leat do ghlannagh; agus gheibh thu ait inbheach ann an lathair cathair a mhorachd: bithidh na h aingle mar chul-choimhead a threorachadh t anamain chum ionnada comhnuidh a ghairdeachaish, ma thig thu ach a’s teach gu neimh-chealgach. Agus am bheill Dia, am bheill iobhairt Chriost, am bheill an gealla, agus maitheamhnas ullamh? am bheill luchd teagaishg, am bheill pobul De, am bheill neamh agus aingle ullamh, agus iad shin uille ag feitheamh air t iompocha; agus nach bheill thu fein ullamh? ciod e? nach ail leats’ a bha marbh o chian fadda, gabhail re beathaidh? nach aill leats’ a bha comh-fhadd ass do bheachd, teachd gu d’ cheill mar am Mac struidheil? nach ail leats’ a ’ta ann cuntart doll am mugha, gabhail re teassairginn? Nach bheill thu ullamh a ghreamma- [TD 102] chadh re Criost a theassairgeas tu, an uair ata thu deass a bhathamh ann doimhne dorainn? nach ail leat do theassairginn o ifrionn, an uair ata thu abbuich re d’ thilgeil int-e gun tearmann? Och a dhuine! am bheill fioss ag-at ciod e ata thu ag deanamh? ma bhasaicheas tu neimh-iompoichte, theid thu am mugha gun teagamh: agus ni bheill cint ag-at am bith thu beo gu ceann uaire: gidheadh ni bheill thu ullamh gu pilleagh agus teachd a ’s tigh. Och, a dhuine thruaigh! nach d’ thug thu geill lan-fhadda do ’n diabhol agus do ’n fheoil? nach bheill do dhiol peacaidh ag-at? am bheill am peaca co’-mhaith agus co’-tharbhach dh’ut as a shaoil thu? am bheill duil ag-at gu diong e tuille dh’ut? an roibh coimh-lion cuirre agus coimh-lion trocair, coimh-lion buille agus coimh-lion eshhempler ag-at; agus am facadh tu coimh-lion duine taishgt’ anns an uaigh, agus nach bheill thu sgith do pheacadh, toilleach cul a churr rish, agus teitheagh uaidh-e chum Chriost? Ciod e! ann diaidh do d’ bharr’ailibh mearachdach bith air an leigeil rish d’ut coimh-tric, ann diaidh coimh-lion tagraidh coguish, coimh-lion ruin agus geallaidh, nach bheill thu ullamh chum pilleagh agus bith beo? och, nach bheill do chroidh’ agus do shuile fosgailt’ a learsainn mor-luach na [TD 103] tairgshe sho! agus cia solasach an teachdaireachd air an do chuirreadh shinn, sheadh, a thoirt cuirre dh’ut, do bhridh gu bheill na h uille nithe ullamh? 2. Thoir fa dearr mar an ceadna, gach gairm a bha ag-at chum pilleadh agus bith beo. Cuimhnich cia lion-mhor, cia h ard-ghuthach, cia durachdach, cia uabhasach, sheadh, agus cia solasach mor-bhuineach do ghairm. Oir is e Dia fein do phrimh-fhear-cuirridh. is e an triath a riaghlaicheas neamh agus tallamh a ’ta ag sparragh or-t pilleadh; pilleagh air ball agus gun dail. Bheirr e iartas do ’n Ghrein a cuairt a ruidh, agus eirigh or-tsa gach maiddinn, giodh d’ is creatuir co’-ghlor-mhor i, agus ni ’s mo gu h an-mor na an tallamh, gidheadh, bheirr i geill d’ a, agus cho mhio-bhuillich i mionuit d’a h aimshir chumta. Riaghlaichidh Dia na realta sheacharanach uille, agus na speire neamhaidh, agus bheirr iad geill d’a. Bheirr e iartas do ’n fhairge traothagh agus lionagh, agus do ’n chruthacha gu leir fuirreachd ann a riaghail fein, agus geillidh iad uille. Bheirr na h aingle neamhaidh umhlachd d’a thoill, an uair a chuirreas e iad a fhriotholadh do chnuimhibh diblidh talmhaidh mar shinne, Eabh. 11. 14. Gidheadh, ma [TD 104] dh’iarras e air peacach ach pilleadh cho toir e geill d’a: saoilidh e gur glice e-fein na Dia, tagraidh e cuish peacaidh agus cho gheill e. Ma labhras an triath uillea-chumhachdach ach am focall, geillidh neamh agus a luchd-aiteachaidh uille dh’a: ach ma ghairmeas e geocach o thigh na mishge, cho gheill e; no ma bheirr e gairm do pheacach an-saoghalta feol-mhor, fhein-speish fheol-mhor a sheanadh agus a mharbhadh, agus intinn a shocrachagh air oidhreachd a ’s fearr, cho gheill e. Nam b’ aithne dh’ut Dia, agus nam b’ ionmhuinn leat e, thuigheadh tu a ghuth, agus ghlaodhadh tu, ag radh, “Is i sho gairm m’ athar, agus an ceaddaich mo chroidhe dhomh gun a freagradh?” is aithne do thread Chriost a ghuth, eishdidh iad rish, leannaidh iad e, agus faodaichidh she iad air ionaltra na beathaidh shioruidh, Join. 10. 4. Nam bitheadh beodhalachd spioradail, agus mothacha ag-at, nach abradh tu anoish, “is i sho gairm uabhasach mo Thighearna, co nach freagragh i?” oir ars’ am Faidh, Amos. 3. 8. “Bheic an leomhann, co air nach bith eagal?” cho duine Dia, as gu deanadh tu maille, no as gu deanadh tu sugra rish. Cuimhnich na labhair e re pol ann an am iompochaidh, [TD 105] is cruaidh or-tsa breabbagh ann aghaidh nan dealga, gniomh. 9. 5.” An dean thu tuille di-meish air guth an Tighearna? an cuirr thu ann aghaidh a Spioraid? an druidd thu do chluas’ an uair a chluinn thu a ghairm? co is mo a chreannas air sho? am bheill fioss ag-at co d’am bheill thu ag toirt eas-umhlachd, co rish ata do chonspoid, agus ciod e ata thu ag deanamh? bu ghlice, agus b’ ussa gu mor dh’ut, conspoid a churr air an sgitheach dheilgneach, agus a bhreabbadh coss-ruishgte, no a phronnadh lamh-ruishgte, no do cheann a sparragh ann turlach lassara. Na meallar shibh, cho ghabh Dia re maga, Gal. 6, 7. Cia air bith eill’ a ghabhas re maga, cho ghabh Dia rish: b’ fhearr dh’ut sugra re teinne ann am bratt do thighe, na re teinne feirge loishgich do Thriath. “Oir is teinne milteach ar Dia, Eabh. 12. 29.” O! nach neimh-iom-chuidh an sheishe comhraic do Dhia thu! “oir is baoghalach an ni tuittim ann an lamhaibh an De bheo Eabh. 10. 31.” Air an abhar shin, is uabhasach an gnothach conspoid a churr air Dia, no cathachadh rish! mar is ionmhuinn leibh ar n anama, thugaibh fa dearr ciod a ni shibh. Ciod e ata ag-aibh re a radh ma thoishicheas e re ar tagragh ann am feirg? ciod a ni shibh, ma leagas e ach a lamh oir- [TD 106] ibh? An cathaich shibh ann aghaidh a bhreitheamhnaish ann shin, mar a chuirreas shibh anoish ann aghaidh a ghraish? ars’ an Tighearna Dia, Isa. 27. 4. “Ni bheill ain-fhearg ann-amsa!” ni bheill tlachd ag-ams’ ann an leir-sgrioss: cuirrim ann gniomh e, mar gu b’ eadh, le m’ an-toill: gidheadh, “co a chuirreadh na dreassa agus an sgitheach a’m’ aghaidhs’ ann cath? rachainn air am feadh, loishginn le a cheil’ iad.” Cho chomhrac eidir da sheishe, comhrac teinne re crin-dreassaibh. Mar sho chi shibh co ata ’g ar gairm, agus aomadh shin shibh chum eishdeachd agus pilleagh air iartas: thugaibh fa dearr mar an ceadna, ciod i an doigh, agus cia tric, agus cia durachdach ata e ’g ar gairm. 1. Ta gach duilleog do leabhar beannuichte Dhe, mar gu b’ eadh, ag glaodhaich reut gu h ard-ghuthach, “pill agus bith beo: pill no basaichidh tu.” Am fead thu sho a leaghadh, no a cluintinn, gun a thoirt fa dearr gu bheill Dia ag toirt gairm pillidh dh’ut? 2. Is e sho iartas gach shearmoin a chluinn thu: oir ciod eill’ is crioch do gach teagasg diadhaidh, ach bith ag toirt cuirridh dh’ut, ag earrallachadh, agus ag curr impidh or-t gu pilleadh. 3. Is i sho comhairl’ an spioraid a chuirreas an [TD 107] impidh shin or-t a rish, agus a rish, gu h uaigneach ag sparragh or-t pilleadh. 4. Is cosmhuil gur e sho iartas do choguish fein air uaire. Nach do leigeadh rish d’ut air uaire, gu bheill fonn t anama agus gniomhara do bheathaidh mi-cheart? nach innish do choguish gur eigin dut bith mar nuadh-dhuin’, agus nuadh-run altram ann a t intinn; agus nach tric a ghlaodh i reut pilleadh? 5. Is e sho iartas eshempleir luach-mhoir nan deagh-dhaoine. An uair a chi thu an giulan neamhaidh, an uair a chi thu iad ag teitheagh o ’n pheaca shin ann am bheill do thlachd-’sa, nach glaodh sho reut pilleadh? 6. Is e sho iartas uill’ oibre De. Oir is iad shin mar an ceadna, leabhar Dhe, a theagaishgeas sho dh’ut, le am morachd, an gliocas, agus am maitheas, agus a ghlaodhas reut an cruthai-fhear agus iad fein a thoirt fa dearr le moir-iongantas. Sal. 19. 1. “Foilshichidh na neamha gloir Dhe agus taishbinidh na speire obbair a lamha.” Glaodhaidh a ghrian reut pilleadh, gach uair a dhealras i or-t, mar gu ’n abragh i, “Ciod uim’ a shoilshicheas mish’ an saoghal, ach a leigeil gloir a chruthai-fhir rish do ’n t sluagh, agus a thoirt sollas iuil doibh a dheanamh obbair-’sin: [TD 108] agus am faic mi thus’ ag deanamh obbair peacaidh gach la, agus ag caitheadh do bheathaidh ann an trom-choddal an neamh-churaim? mosgail thus’ a choid’leas, agus eirigh o mharbhaibh, agus bheirr Criost sollas d’ut. Ephes. 5. 14. Is mithich dhuinn anoish mosglagh o choddal: chaitheagh an oiche, agus dhruidd an la r’inn: uim-e-shin tilgeamaid dh’inn oibre an dorchadaish, agus cuirreamaid um-ainn eideagh an t sollaish. Shiubhlamaid gu h ionraic mar anns an la, agus na shiubhlamaid ann an craos, no ann am mishg, no ann an sheomraibh re macnus, no ann an ceannairc, no ann an tnuth; ach cuirribh oir-ibh an Tighearn’ Josa Criost, agus na deanaibh teagar do ’n fheoil, a shasachagh a h ain-mianna. Romh. 13. 11——14.” Is e an teagasg sho meadhon iompochaidh Augustin. 7. Is e sho iartas gach trocair a shealbhaicheas tu. Nan cluinneagh agus nan tuigeadh tu iad, glaodhaidh iad uille reut pilleadh: ciod uim’ a ghiulaineas an tallamh thu, ach chum as gu ’n iarradh tu an Tighearna, agus gu tugadh tu geill d’a? ciod uim’ a thilgeas an tallamh do lon mar thorra, ach chum as gu deanadh tu riar an Triath? ciod uim’ a bheirr an t aile annail d’ut, [TD 109] ach chum as gu cliudhaicheadh tu do chruthai-fhear? ciod uim’ a riaraich na creatuire thu le an saothair, agus leo fein; ach chum as gu riaraicheadh tus’ an Tighearna leo-’san agus leat fein? ciod uim’ a bheir e dh’ut uin agus slainte, neart agus reason, ach a dheanamh a riar? ciod uim’ ata ag-at bia, deoch agus eadach ach chum geill a thoirt do d’ Dhia? am bheill ni air bith ag-at nach d’ fhuair thu? ma fhuair thu iad, nach reasonta dh’ut a smuainteachadh, co uaidh’ agus ciod uim’ a fhuair thu iad, agus ciod e am feim is coir dh’ut a dheanamh dhiu. An do ghlaodh thu riamh air cuiddeacha o Dhia ann a t eigin? agus nach do thuig thu ann shin gu b’ e do ghnothach pilleagh agus geill a thoirt do t fhear-cuiddeachaidh, nan saoragh e thu! rinn Dia a chuidd fein, choigil e tammall beag eille thu, agus dhearbh e thu o bhliadhan gu bliadhan; gidheadh, nach pill thu? is aithne dhut coimh-meass a chrainn fhige mhio-tharbhaich, Luc. 13. 6.—9. Ars’ an Tighearna, “Gearr anuas e, ciod air son a chuirreas e dragh air an fhearrann?” chuirreagh impidh air, a dhearbhadh fadd bliadhan eille, agus ann shin mur bitheagh e tarbhach a ghearradh. Rinn Criost fein feim iom-chuidh do ’n choimh-meass sho, a rish agus a rish, anns an [TD 110] 3 agus anns an 6 rann. “Mur gabh shibh aithreachas, theid shibh uill’ am mugha mar an ceadna.” Cia h iommad bliadhan a bha duil ag Dia re torra graidh agus naomhachd ua-tsa, ach an d’ fhuair e sho? gidheadh choigil e beo thu. Nach tric, le t ain-eolas, do neamh-churam agus t eas-umhlachd, a bhrosduich thu an Dia co’-thromach a radh, “gearr anuas e, ciod uim’ a chuirreas e dragh air an tallamh?” gidheadh, chuirr trocair impidh air ceartas, agus chum foidhid am buille milteach uai-t gus anoish; nam bitheagh tuigshe duin’ ag-at, chluinneadh tu sho uill’ ag glaodhaich reut pilleadh. “Agus am meass thu a dhuine, gu teid thu ass o bhreitheamhnas De? no an dean thu di-meass air saibhreas a mhaitheish, fhoidhid agus fhadd-fhullangaish, gun fhioss ag-at gu treoraich maitheas De thu chum aithreachaish? ach a reir do chruaish fein, agus do chroidhe gun aithreachas, taishgidh tu dhut fein fearg chum la na feirge, agus foilsheachaidh ceairt-bhreitheamhnaish De: a bheirr do gach duine do reir a ghniomhara. Romh. 2. 3.—6. 8. Os-barr, is e iartas gach amhghair gu pilleadh tu gun dail. Glaodhaidh tinneas agus cloidh reut pilleadh: ’ta bochdainn, call chairde gaoil, a- [TD 111] gus am beangan a ’s caoile do ’n t slait smachdachaidh, ag glaodhaich reut pilleadh; gidheadh an toir thu cluas bhodhar do ’n ghairm? thainig iad sho dluth dhut, lott iad thu, agus tharraing iad osna ghearranach uai-t; gidheadh, an toir iad or-t pilleadh? 9. ’Ta do bhith, agus cruitheachd do natuir, ag iarraidh or-t pilleadh. Ciod air son ata reason ag-at, ach chum thu fein a riaghlachadh, agus geill a thoirt do d’ Thriath, eolas a ghabhail air a thoill, agus gluasachd d’a reir? ciod air son ata croidh’ eagalach, miannach, gradhach ag-at; ach chum as gu bitheagh eagal an Tighearn’ or-t, gu gradhaicheagh, agus gu miannaicheadh tu e os ceann gach ni agus neach? 10. Sheadh, ’ta do mhoid agus do ghealla fein do ’n Tighearn’, ag glaodhaich reut pilleadh rish agus geill a thoirt d’a. Naishg thu thu fein rish le coimh-cheangal baishtidh, threig thu an diabhol, sant an-saoghalt’ agus t ain-mianna feol-mhor: agus dhaingnich thu do choimh-cheangal le h aidmheil an t soisgeil chriostaidh, dh’ ath-nuadhaich thu air bord suippeir an Tighearn’ e, agus ann aimshir do thinnish iarganaich: agus an geall, agus am mionnaich thu an ni nach coimh-gheall [TD 112] thu gu brath; an geall thu pilleadh re Dia agus nach pill thu? Anoish coimh-shin iad shin uille r’a cheile, agus faic an crioch. ’Ta an scrioptur naomha, agus luchd teagaishg soisgeil Chriost, agus ’ta an Spiorad naomh’ ag glaodhaich reut pilleadh: ’ta do choguish fein, ’ta eshempler agus impidh nan deagh-dhaoin’ ag glaodhaich reut pilleadh: ’ta an saoghal gu h iom-lan, agus gach creatuir a ’ta ag-at anns an amharc, ag glaodhaich reut pilleadh: ’ta foidhid fhadd-fhullungach Dhe, ag glaodhaich pill: ’ta gach trocair a fhuair thu, ag glaodhaich pill: ’ta slat-smachdachaidh Dhe, ag glaodhaich pill: ’ta do reason, agus cruitheachd do natuir ag iarrraidh or-t pilleadh: agus mar an ceadna, ’ta gach gealla agus mionn’ a thug thu do Dhia, gu h aoin-sgeulach ag glaodhaich reut pill: gidheadh, an i do run fein pilleadh? 3. Os-barr, a pheacaich chruadh-chroidhich thruaidh! an do smuaintich thu riamh ciod i do dhaimh rish an Dia a ’ta fadd na h uine sho ag glaodhaich reut pill? is leish fein thu, dlighidh tu dh’a do bhith agus gach ni a ’ta ag-at; agus nach fead e a choir fein iarraidh or-t? is tu a dhaor-og-laoch, agus aig-esin amhain ata coir air do gheill. ’Ta thu fa raidh a throcair, ’ta do [TD 113] bheatha ann a laimh: agus cho ’n ail leish do theassairginn air cumhnant air bith eille, ach cumhnant a shoisgeil: is lion-mhor do naimhde mio-runach spioradail leish am b’ aitt gu treigeadh Dia thu: gu leigeagh e eidir iad fein agus thusa, agus gu fagagh e thu fa raidh an an-toill: chum as gu leir-sgriossagh iad thu gu gradd. Agus cho ’n fheadar do theassairginn uath-a, mur pill thu re Dia. Thuitt thu cheanna fa fheirg-’sin le do pheaca: agus cho ’n aithne dhut cia fhadd a ghiulaineas fhoidhid leat. Co ag ata fioss nach i sho do bhliadhan, agus nach e sho do la deirreannach air tallamh? ’ta cloidheamh Dhe re do chroidh’ am feadh ata fhocall ann do chluaish; agus mur pill thu, is duine marbh thu. Nam bitheadh do shuile comh-fhosgailte as gu bu lear dhut cia an t ait air am bheill thu ag sheassamh, iodhon air bruaich ifrionn, agus nam bu lear dhut cia lion mile peacach ata ann shin, nach do phill ann an la tairgshe nan grasa; nach bu mhithich leat amharc mu d’ thimchioll? Sheadh, a dhaoine, gabhaibh ar n anama fein anns an amharc anoish, agus innishibh dhomh an taitneach leibh tairgsh’ an Tighearna? Chluinn shibh a run; cho taitneach leish ar bas: ’ta e ag glaodhaich ribh, “pillibh, pillibh.” Is uabhasach [TD 114] an ni mur gluaish, sheadh mur gliddich sho shibh; agus is uabhasaiche gu mor, ma ni e shibh ni ’s neamh-churamaich ann am boilshgin ar truaighe, gu cluinn shibh mor-thruacantachd ar De. Innishidh oibreacha an leighish duinn ann cail-eigin, an ionn duinn duil a bhith ag-ainn re ar slainte. O, nach b’ aitt an sgeula leish an dream a ’ta ann ifrionn anoish, nam bitheagh an teachdaireachd sho ac-a o Dhia! nach b’ aitt leo gu ’n abbairteadh reu, “pillibh agus bithibh beo?” sheadh, nach bu sholasach an sgeula leat fein, nam bitheadh tu cloite le feirg Dhe ach carr aon uaire; no ann diaigh cloidh mile no deich mile bliadhan, nan cluinneadh tu ach an cuirre sho o Dhia, “pill, agus bith beo?” gidheadh, an dean thu di-meass air an teachdaireachd sho, agus an leig thu do luchd teagaishg uai-t gun an gnothach? Faicibh a luchd peacaidh, chuirreadh shinn air theachdaireachd o ’n Tighearn’, a churr bas agus beatha ann ar tairgshe; cluinneamaid co dhiu is roigniche leibh? ’ta Criost ann sho agus flaitheas na gloir’ aig’ ann aon laimh, agus ifrionn na dorainn anns an laimh eille, ag tairgsheagh ar roghainn dibh; ach co dhiu is ail leibh? Criothnaichidh guth an Tighearna na creaga, agus nach [TD 115] bith geilt-chrioth or-ts’ an uair a chluinn thu an Tighearn’ ag bagradh, mur pill gu basaich thu? nach cluinn, agus nach tuig thu an guth sho, “Pillibh, pillibh, ciod air son a bhasaicheas shibh?” is guth graidh sho, guth teass-ghraidh nach fuaraich gu brath, guth do charraid a ’s fearr, agus a ’s caoimhe, guth na tiom-chroidhe agus na trocair, mar is urrus dut aithneachagh air fhuaim; agus am fead thu di-meass a dheanamh air? is lear do an Tighearna do thriall, agus ceann t uighe, ni ’s fearr gu mor na ’s lear dhut fein, agus uim-eshin, glaodhaidh e air do dhiaigh, “pill pill.” Is lear dh’a do leir-sgrioss mur pill thu: ars’ an Tighearna rish fein; “och tilgidh am peacach truagh sho e-fein ann an dorainn shioruidh mur pill e; is eigin domhs’ ann an ceartas beantainn rish do reir mo reachd cho’-thromaich.” Agus air an abhar shin glaodhaidh e air do dhiaigh, “pill, a pheacaich pill!” nam b’ aithne dhutsa mar am mile cuidd, comh-mhaith as is aithne do Dhia, an cuntart d’ am bheill thu buailteach, agus an truaigh is ceann-uighe do d’ ghiulan, cho an fheimeadh luchd teagaishg tuill’ impidh a churr or-t chum pilleadh. Os-barr, is e an guth shin a ’ta ag glaodhaich reuts’, a chuirr impidh cheanna air na milte, a- [TD 116] gus a ghairm chum neamh na h anama shin uill’ a ’ta ’g a h aiteachadh: agus cho b’ ail leo anoish air mile saoghal, nach freagragh iad, agus nach pilleagh iad re Dia. Ciod anoish ata an dream shin a phill air impidh Dhe ag shealbhachadh? is lear dhoibh anoish gu b’ impidh ghradhach a ghairm-’sin, agus nach roibh i bas-mhor ach slainteil. Agus ma fhreagras tus’ a ghairm shin, shealbhaichidh tu an sonnas ceadna. Is eigin do na miltibh ifrionnach bith ag caoidh gu shioruidh nach do phill iad, ach ni bheill anam air neamh leish an doillich gu d’ iompoicheagh e. Sheadh a dhaoine, an ail no nach ail leibh pilleadh? am feim mi tuill’ a labhairt ribh? ciod a ni shibh? am pill no nach pill shibh? a dhuine labhair re Dia o d’ chroidhe, giodh nach labhair thu reumsa: labhair air eagal gu ghabh e do thosd mar dhiulta. Labhair air ball, air eagal nach toir e an tairgshe cheadna dhut tuille. Labhair do run gu neimh-chealgach; oir cho ’n ail le Dia luchd leannamhainn mealtach. Abbair anoish o d’ chroidhe, gun tuille fuirreachd, agus gun ghliddeachadh ass an ait sho, “le gras Dhe is i mo run pilleagh air ball. Agus do bhridh gur aithne dhomh mo neamh-fhoghainteachd fein, roighnich mi fuirreachd re gras Dhe, agus e-sin a leannamhainn [TD 117] ann a shlighe fein, mo ghiulan agus mo chuiddeachd ghnathaichte fein a threigshinn, agus mi-fein a thoirt suas do chomhairl’ an Tighearna Dia.” A dhaoine, cho do dhruiddeadh suas shibh ann an dorchadas geintileach, no ann an an-dochas na h aittim a chaidh am mugha, ’ta beatha ann ar tairgshe agus gheibh shibh i air cumhnanta reasonta, ma ’s ail leibh i; sheadh, air cumhnanta saor agus gun luach, ma ghabhas shibh i. ’Ta slighe Dhe comhnard reidh ann do lathair, fosglaidh an Eaglaish dut, agus gheibh thu Criost, maitheamhnas, agus naomhachd ma ’s ail leat iad. Ciod e ata ag-at ra radh? an ail no nach ail leat iad? mur ail, no mur abbair thu smidd, ach gu gabh thu air t aghaidh gun tamh, is Fianaish Dia, an coimh-thionnal sho, agus do choguish fein, cia maith an tairgsh’ a fhuair thu ann diugh! cuimhnich gu roibh Criost ann do thairgsh’ agus nach b’ ail leat e. cuimhnich ann diaigh dhut beatha shioruidh a chall, gu roibh i ann do thairgshe, comh-mhaith as a bha i ann an tairgshe dhaoin’ eille, agus nach b’ ail leat i: agus cho d’ fhuair thu i, do bhridh nach pilleadh tu! ach thigeamaid chum an teagaishg a ’s foigshe, agus cluinneamaid do leith-sgeula. [TD 118] TEAGASG VI. ’Ta an Tighearn’ ag aontachagh a chuish a reasonachadh re peacachaibh neimh-iompoichte, agus ag fiosrachadh dhiu ciod air son a bhasaicheas iad? Is im-reason iongantach sho, mar a bhuinneas do ’n chonspoid agus do ’n luchd-conspoid. 1. Is i a cheist a ’ta r’a consachadh, ciod air son is taitneach le luchd-aingidheachd iad fein a churr am mugha? no ciod air son is fearr leo basachadh na pilleadh? agus am bheill deagh-abhar ac-a chum sho a dheanamh? 2. Is iad an luchd-conspoid Dia agus Daoine: an Dia uillea-naomha, agus daoin’ aingidh neimh-iompoichte. Nach iongantach an ni, gu bheill abhar ag Dia a mheass, gur taitneach le duin’ air bith basachadh agus doll am mugha gu shioruidh? sheadh, gur i sho roghainn dhaoin’ aingidh gu leir; no a chuidd a ’s mo do ’n t saoghal? ach arsa shibhse, “cho ’n fhead shin bith! oir is natura do gach neach gur ionmhuinn leish a thearmann agus a shonnas fein; agus is fein-speisheile luchd-aingidheachd na daoin’ eille, air a chuidd a ’s [TD 119] lugha; air an abhar shin, an taitneach le neach air bith doll am mugha?” 1. Is e mo chead fhreagra dh’a sho, gur cinteach nach taitneach le neach air bith olc mar olc, gidheadh is taitneach le neach an t olc a ghabhas e ann riochd a mhaith: cho mho na shin is taitneach le neach dorainn shioruidh. Cho taitneach leish truaigh mar thruaigh. 2. Ach gidheadh, is ro fhior an ni shin a theagaishg Dia dhuinn ann sho, gu basaich agus gu teid daoin’ aingidh am mugha, do bhridh nach ail leo ach bas agus dorainn. Agus ’ta sho soillear air iommad doigh. 1. Do bhridh gu triall iad air an t slighe chum ifrionn, giodh d’ innish Dia agus daoine dhoibh an crioch agus ceann an uighe: agus giodh do gheall Dia coimh-tric ann a fhocall, ma ghabhas iad air an aghaidh anns an t slighe shin. gu teid iad am mugha; agus nach teassairgir iad mur pill iad, Isa. 48. 22. “Ni bheill shith air bith ag a chiontach,” ars’ an Tighearna. Isa. 59. 8. “Cho ’n aithne dhoibh slighe na shith, agus ni bheill breitheamhnas air bith ’n an triall; rinn iad slighe cham dhoibh fein; cia b’ e neach a thriallas in-te cho bhith eolas aig’ air shith.” ’Ta focall agus mionn’ an De bhith- [TD 120] bheo ac-a, mur pill iad, nach teid iad a ’s teach chum a shuaimhnish gu brath. Gidheadh, ’ta agus bithidh iad aingidh, abradh Dia agus daoine an toill! ’ta agus bithidh iad feol-mhor agus saoghalta, giodh d’ innish Dia dhoibh, “gur naimhdeanas do Dhia cairdeas an t saoghail, uim-eshin, cia b’ e neach a mhiannaicheas an saoghal mar a charraid, ni e namad Dhe dh’ e-fein, Sheam. 4. 4.” Mar sho is toilleach leish na daoinibh shin doll am mugha, giodh nach ann gu direach: is taitneach leo an t slighe chum ifrionn, agus is ionmhuinn leo fior-abhar an cloidh, giodh nach taitneach leo ifrionn fein, agus giodh nach ionmhuinn leo an dorainn a ’s eigin doibh fhullang. Nach i sho ar ceart staidd a dhaoine? cho bu mhaith leibh bith ’g ar losgagh ann an griosaich ifrionn gu shioruidh, ach lassaidh shibh teinne na dorainn le ar peacaibh, agus tilgidh shibh ann a bhoilshgin shibh-fein; cho bu mhaith leibh bith ’g ar cloidh leish na diabhlaibh gu shioruidh, ach ni shibh am mi-ghniomh a thoilleas shin dibh, ann aghaidh gach impidh. Mar gu ’n abradh tu, “olaidh mi fuath-radduin, no deoch do neimh bhas-mhoir eille, gidheadh cho bhasaich mi. Tilgidh mi mi-fein bonn os ceann o bharr torr an-aird, [TD 121] gidheadh cho mhill mi mi-fein; sathaidh mi a bhioddag sho ann mo chroidhe, gidheadh cho bhuinn mi an t anam ass-am fein; cuirridh mi sop teinne re mo thigh, gidheadh cho loishg mi e.” Is ionnann a thachair do luchd-aingidheachd: bithidh iad aingidh agus triallaidh iad do reir an t saoghail agus na feola, gidheadh cho ’n ail leo gu teid iad am mugha. Ach nach aithne dhibh gu treoraich na meadhona chum na criche? agus gu do chuirr Dia roimh-e ann a lagh co’-thromach gur eigin dibh pilleadh no basachadh? Ma dh’ olas neach deoch do neimh bhas-mhoir is ionnann shin as fein-mhille; oir cho tachair ni a ’s fearr na shin d’a fa dheirre: giodh bu bhlasta leish i, do bhridh milsheachd an t siucair leish an do choimh-measgagh i, agus giodh nach b’ urra neach air bith a churr ann ceill d’a gu bu neimh bhas-mhor i, agus nach feadagh e a h ol gu tearainte; ach cho ’n i a bharr’ail agus a mhishneach fein a theassairgeas anam. Mar sho, ma ’s taitneach leibh mishg’, neam-ghain’ fheol-mhor agus an-saoghaltachd, is ionnann sho as mar gu ’n abradh shibh gu soilleir, theid shinn am mugha; oir gun teagamh air bith, theid shibh am mugha gu shioruidh, mur pill shibh. Nach tugadh shibh achmhusan do ’n mheirleach ammaid- [TD 122] each no do ’n fhear-mhuirt, nan abragh e, “cuirridh mi stadd agus murt ann gniomh, ach cho chrochar mi,” an uair is lear dh’a, ma chuirreas e-fein a chiont’ ann gniomh, gu cuirr am breitheamh co’-thromach an dioghaltas ann gniomh mar an ceadna. Nan abragh e, “ni mi sladd agus murt,” is ionnann shin as mar gu ’n abragh e, “crochar mi;” agus ma ghabhas shibhs’ air ar n aghaidh ann an slighe na neamh-ghlain’, is ionnann shin, as triall chum ifrionn. 2. Os-barr, cho ghnathaich luchd-aingidheachd na meadhona rish an do choimh-cheangail Dia gu neamh-sgarrail fior-dhochas an t sonnaish shioruidh. Ma dhiultas neach bia, is ionnann shin, as cul a churr re beathaidh, mur bheill sheol’ aig’ air bith beo gun bhia. Ma dhiultas neach doll air asdar, is ionnann shin as a radh nach rig e ceann uighe. Air tuittim do neach ann uishge, ma dhiultas e teachd ass, agus mur ceaddaich e do neach eille cuiddeachadh leish, nochd e gur ail leish e-fein a bhathamh do rireadh. Mar an ceadna, mur ail leibhs’ a ’ta neamh-ghlan agus mi-dhiadhaidh iompochadh, no na meadhona shin a ghnathachadh leish an iompoichir shibh, agus ma smuainticheas shibh gur an-barr sho r’a dheanamh, dhearbh shibh gur ail leibh doll am mugha [TD 123] do rireadh. Oir ma ’ta sheol’ ag-aibh chum shibh-fein a theassairginn gun iompocha, fhuair shibh sheola nach roibh ag neach eille riamh. 3. Sheadh, cho ’n e sho uille, ach, cho ’n ail le luchd-aingidheachd sonnas shioruidh fein, giodh bu mhaith leo ac-a ni eigin rish an abbair iad neamh, gidheadh cho ’n ail leo neamh mar ata i int-e fein: is fuath le ’n anamaibh i. Is iad na neamha ionnada comhnuidh na fior-ghlain’ gun small, na fior-naomhachd, an teass-ghraidh nach fuaraich gu brath, agus na hallelujah cheol-mhoir; agus cho taitneach le luchd-aingidheachd iad shin. Cho taitneach leo, an gradh, an cliudh, agus an naomhachd neimh-iomlan a ’ta re am faghail anns an t saoghal sho fein; agus ni a ’s lugha na shin, an iomlanachd neamhaidh: ’ta an solas neamhaidh coimh-fhior-ghlan spioradail, as nach fead luchd-aingidheachd fhir-mhiannachadh. Mar sho, chi shibh anoish an t abhar a bha ag Dia a mheass, gu bu taitneach le luchd-aingidheachd an leir-sgrioss fein: cho phill iad giodh d’ is eigin doibh pilleadh no basachadh: is fearr leo doll ann cuntart truaigh’ shioruidh na iompochadh; agus chum suaimhneas a thoirt doibh fein ann am peaca, cuirridh iad mar fhiacha orr-a fein gu tearuinn iad gun iompocha. [TD 124] 2. Mar is abhar iongantaish a chonspoid, is abhar iongantaish an luchd-conspoid mar an ceadna. Is cuish iongantaish gu ’n ishlicheadh Dia e-fein comh-mhor, as gu tagragh e a chuish re duine; agus gu bitheagh an duine co’-ro-chrossanta dhall, as gu feimeagh e sho uill’ ann an cuish co’-shoilleir, sheadh, agus gu cuirreagh e ann aghaidh gnothaich rish am bheill a shonnas ann earbsadh. Cho ’n iongantas giodh nach eishd daoin’ aingidh r’an luchd teagaishg, agus nach bheill ant-a ach daoine mar iad fein, an uair nach eishd iad rish an Tighearna: arsa Dia, Esec. 3. 7. an uair a chuirr e am Faidh chum sliochd Israel; “cho ’n eishd tigh Israel reut; oir cho ’n eishd iad reumsa; oir ’ta tigh Israel mio-naireach, agus cruadh-chroidheach uille.” Cho ’n iongantas ma chonsaicheas iad ann aghaidh an luchd teagaishg, an uair a chonsaicheas iad ann aghaidh an Tighearna fein, sheadh, ann aghaidh an fhocaill a ’s soilleir’ a labhair e, agus a shaoileas iad gur ann ac-a fein ata a choir: an uair a sgithicheas iad an Tighearna le briatharaibh, is caint doibh, “Co leish a sgithich shinn e, Mal. 2. 17?” Dh’ fhiosraich na sagarta shin a rinn di-meass air ainm an Tighearn’, a cheist an-dana sho; “Co leish a [TD 125] rinn shinn di-meass air t ainm?” agus an uair a thruaill iad Altair, agus a tharraing iad di-meass air bord an Tighearna, dh’ fhiosraich iad gu mio-naireach; “Co leish a thruaill shinn thu, Mal. 1. 6. 7?” Ach ars’ an Tighearn’, “Is mairg do ’n ti a throiddeas r’a Chruthai-fhear! troiddeadh na crogana criadha re croganaibh criadha na talmhainn; an abbair a chria rish an ti a chummas i, ciod e ata thu ag deanamh, Isa. 45. 9?” CEISHT. Ciod air son a reasonaicheas Dia cuish re duine? FHREAGRA I. Mar is creatuir reasont’ an duine, buinnir rish do reir shin; agus cuirrir impidh reasont’ air: chum na criche sho thug Dia reason d’a r’a ghnathachadh do reir iartaish fein. Shaoileadh neach nach bu choir do chreatuir reasonta, curr ann aghaidh an reasoin a ’s fearr air domhan, an uair a nochdar dh’a e. [TD 126] FREAGRA II. Air a chuidd a ’s lugha, chi daoine nach d’ iarr Dia ach ni reasont’ orr-a, agus nach do thoirmishg e dhoibh ach ni mi-reasonta, agus air an abhar shin gur reasonta dhoibh geill a thoirt d’a, agus gur mi-reasonta dhoibh bith eas-umhal. Mar sho, is eigin do ’n dream a theid am mugha ceartas De aidmheachadh, is eigin doibh aidmheachadh gu bu reasonta dhoibh pilleadh rish; is eigin doibh iad fein a dhideagh, agus aidmheachadh nach bu reasonta dhoibh iad fein a mhilleadh le dearmad a dheanamh air Gras De, ann an la tairgshe na slainte. FEIM. A luchd-aingidheachd, feachaibh an dean shibh an t iul dibh-fein leish an reason a ’s fearr a ’ta ag-aibh: chi shibh anoish co rish ata ar gnothach. A thruaghain ain-miannaich neimh-iompoichte, ciod e ata ag-atsa r’a radh? am bheill do dhanadas ag-at doll a churr conspoid air Dia? an urra thu a thilgeil a reasoin-’sin bonn os ceann? Am bheill thu deass a dholl ann a dhail? chuirr Dia [TD 127] mar cheist or-t, ciod air son a bhasaicheas tu? am bheill freagra deass na ceishte sho ag-at? an gabh thu os-laimh a dhearbhadh gur e Dia an coirreach, agus nach tusa? nach truagh an oidhirp sho! an darra cuidd, ’ta an ea-coir ag Dia a ’ta ag iarraidh t iompochaidh, no ag-ats’ a ’ta ag diultagh iompochaidh: ghlaodh e reut pilleadh, ach cho phill thu: ’ta e ’g iarraidh or-t pilleagh air ball, am fadd a mhairreas la tairgshe nan grasa, agus ’ta thu ’g a churr air ath-la, ann duil gur leor dhut pilleadh ’n a dhiaigh sho. Is ail leish do lain-iompocha, agus gu bith thu mar nuaidh-chreatuir naomh’ agus aith-ghinte; agus saoilidh tusa, gu dean ni a ’s lugha na shin an gnothach, agus gur leor an shean-duin’ a leassachadh, gun fhas mar nuadh-dhuine. Co anoish ag am bheill a choir, ag Dia no ag-atsa? ’ta Dia ag glaodhaich reut pilleadh re beatha naomha, agus cho phill thu; is ni solleir o d’ ghiulan eas-umhal, nach pill thu. Ma b’ ail leat pilleadh, ciod air son nach do phill thu cheanna? agus ciod air son nach tionsgain thu ’noish? ’ta do ghiulan fa cheansal do thoille fein. Feadaidh shinn a mheass air chint nach ail leat pilleadh, o nach bheill thu ag pilleadh. Agus ciod air son nach bheill thu ag pilleadh? am bheill leith-sgeul ag-at rish am feadar leith-sgeul a radh? [TD 128] Giodh nach bheill ann-ams’ ach cnuimh, agus do choimh-chreatuir ea-commasach, bheirr mi dubh-’lan an fhir a ’s glice do ’n t sluagh aingidh, an uair a thagras mi cuish mo chruthai-fhir; agus is moide mo mhishneach gu bheill fioss ag-am nach tagair mi ach a chuish a ’ta Dia ag tagradh, agus nach bheill mi ag consachagh ach cuish an ti ag am bith a chuidd a ’s fearr fa dheirre. Nam bitheagh ag-am ach an da reason choitcheann sho ann a t aghaidh, is cinteach leam nach bith deagh reason air bith ag-ats’ air do thaoibh fein. 1. Is cinteach leam nach deagh reason a ’ta ann aghaidh Dhe an reasoin agus na firinn; oir cho sollas a ’ta ann aghaidh na greine. Ni bheill eolas ann an creatuir air bith, ach eolas a fhuair e o Dhia; agus air an abhar shin cho ’n fhead neach bith ni ’s glice na Dia: is an-danadas a thoilleas shior-chloidh do ’n aingel a ’s airde, bith ’g a choimh-meass fein r’a chruthai-fhear; agus nach ro fhearg-thoilteanach an ni do mheall salchair, no do ’n umaidh a ’ta ain-eolach air fein agus air gach aon ni a chi e, agus a ’ta ni ’s ain-eolaiche gu mor na daoin’ eille, curr ann aghaidh gliocaish an Tighearna? is lan-fhoilsheacha air aingidheachd uabhasach agus ard-chuthach dhaoin’ [TD 129] ain-meineach peacach, gu cuirreadh fadh coimh-diblidh conspoid air a Chruthai-fhear no cunnuil air fhocall: sheadh, ’ta sluagh ann ar sgireachdaibh a ’ta co’-ain-eolach bhruideil, as nach urra iad freagra reasonta thoirt air ceist air bith a chuirrir orr-a mu chead-thus a chrabhaidh, gidheadh, a ’ta coimh-ghlic ann am barr’ailibh fein, as gu cuirr iad cunnuil agus conspoid gu h an-dana air deirbh-fhirinn De, agus cho chreidd iad i, ni ’s faidde na a choimh-shineas i r’ an neimh-ghliocas fein, oir is tearc smidd ghliocaish a chluinnir ass am beal. 2. Mar ata lain-chint ag-am gu bheill a choir ag Dia; mar an ceadna, is lear dhomh gu soillear, gu bheill a chuish a ’ta e ag dideadh, co’-ghraineil, as nach reasonta do dhuin’ air bith a tagradh. Am fead deagh abhar bith ag duine do an t sluagh lagh an Tighearn’ a bhrisheadh; an Triath ghlor-mhor a cheannaich e, a mhaslachadh agus a mhio-ghnathachadh? am fead deagh abhar bith ag neach air bith, anam neamh-bhas-mhor fein a churr am mugha? cluinnibh, agus comharaichibh ceisht an Tighearna, “pillibh, pillibh, ciod air son a bhasaicheas shibh?” an ionn dibh bas shioruidh a mhiannachadh? am bheill trom-ghaol ag-aibh air ifrionn? ciod e an t a- [TD 130] bhar a ’ta ag-aibh shibh-fein a mhilleadh gu deonach? ma shaoileas shibh gu bheill cail-eigin abhair ag-aibh peac’ a churr ann gniomh, nach ionn dibh a chuimhneachadh gur duaish do ’n pheaca bas? Romh. 6. 23. Agus smuaintichibh am bheill abhar ag-aibh shibh-fein a milleadh eidir anama agus chorpa gu shioruidh. Cho choir dhibh amhain a churr mar Cheist oir-ibh fein, an ionmhuinn leibh an nathair nimhe, ach an ionmhuinn leibh a Gath. Is ni comh-oilteil do neach sonnas shioruidh a thilgeil uaidh-e, agus peacachagh ann aghaidh Dhe, as nach feadar deagh reason a churr air; ach mar is moid’ a ghabhas e a leith-sgeul fein, is moid’ a nochdas e do Chuthach. Giodh do bitheadh moir-fhearachd no rioghachd ann do thairgshe air son gach peacaidh a chuirreadh tu ann gniomh, cho diongagh an duaish do chall, agus bu chuthach dhut a cosnadh: bu ro shuarrach an tuarusdal, r’a choimh-meass rish an t sonnas a chailleadh tu; giodh do gheibheadh tu air son gach aingidheachd an ni a ’s luach-mhoir’ agus a ’s fearr leat air tallamh, chum do lubadh gu peaca. Giodh do thoillicheadh tu an carraid a ’s mo agus a ’s fearr a ’ta ag-at; giodh do bheirreadh tu geill do ’n Riogh a ’s aird-inbhich’ air tallamh; giodh do theassairgeadh tu thu fein o ’n [TD 131] truaigh shaoghalta a ’s dorainniche, le peaca; cho bu choir dhut gu bu leor leat shin uill’ a churr impidh or-t chum am peac’ a churr ann gniomh. Nam bacadh do dheass-lamh no do dheass-shuil do shonnas; b’ fhearr dhut an tilgeil uai-t na doll chum ifrionn d’ an teassairginn. Oir cho teassairgir bloidh dhiot ma chaillir thu fein gu h iom-lan. ’Ta shioruidheachd shonna, cho’-luach-mhor, as nach coimh-meass ni saoghalt’ air bith dh’ i. Cho diong beatha, coroin rioghail, no rioghachd, a call. Cho ’n fhead fior-abhar, no leith-sgeul bith ag duine do ’n t sluagh, a shonnas shioruidh a churr ann cuntart. Ma chailleas tu flaitheas na gloire, ciod e a ni suas do chall? ma thilgeas tu thu fein ann ifrionn na dorainn, ciod e a lughdaicheas do thruaigh, no a bheirr fuasgla no comh-fhurtachd dhut gu brath? air an abhar shin, ni bheill mor-luach ni a ’s leor, ann an ni air bith, a ghabhail do leith-sgeil, ma dhearmaideas tu do shonnas bioth-bhuan: oir ars’ air slanai-fhear, “ciod i an tairbhe do neach air bith, an saoghal uill’ a chosnadh, agus anam fein a chall?” Marc. 8. 36. A dhaoine, ’s truagh nach aithne dhibh mor-luach nan nithe shin air am bheill shinn anoish ag labhairt ribh! cho ’n i ar barr’ails’ a ’ta ag [TD 132] naomh-shluagh nam flaitheasa orr-a. Nam feadagh an diabhol doll far am bheill iad shin ann lathair Dhe air lassadh le teass-ghradh d’ an Triath agus le h umhlachd d’a naoimh-reachd, agus nan tairgeagh an namhad sho dhoibh deoch bhuaireasach bhlasta, no ban-striopach, no cuiddeachd mhacnasach d’ am meallagh o Dhia na gloire: guidhim oir-ibh innishibh dhomh, cia mar a shaoileas shibh a chordadh shin reu? sheadh, giodh do thairgeagh am buairid-fhear dhoibh inbh’ agus cumhachd rioghail air tallamh, an saoil shibh gu meallagh sho iad anuas o neamh? O cia mor an an-tlachd agus an fhannoid naomha leish an deanagh iad di-meass air an tairgshe, agus leish an diultagh iad i! agus ciod air son nach deanadh shibhs’ an ni ceadna, shibhs’ ag am bheill neamh fhosgoilte d’ ar creiddeamh, nam bitheadh creiddeamh ag-aibh chum sho a thoirt fa dearr? ni bheill anam ann ifrionn, do nach lear anoish gur mi-chiallach neamh a reiceagh air son solaish fheol-mhoir; oir cho bheagan macnaish no solaish, cho bheagan saibhrish shaogalta no urraim, agus cho bheagan gean-maith no gealtanaish dhaoin’, a mhuchas teinn’ ifrionn, no a bheirr coimh-leassacha do ’n neach a chailleas anam. O! nam faiceadh [TD 133] agus nan cluinneadh shibh na nithe shin a creidmheas daoin’ eill’ o fhocall De, dh’ aidmicheadh shibh nach bheill abhar no barrantas reasont’ ag duine do ’n t sluagh anam fein a leir-fgrioss’, agus cho leigeagh an t eagal dibh tamh aon oich’ eill’ a ghabhail gus an runaicheagh shibh pilleagh agus bith beo. Ma chi shibh neach ag sparragh a laimh anns an teinne gus an loishgir dh’e i, is iongantas leibh sho; ach feadaidh cail-eigin do ghne abhair bith ag neach chum sho a dheanamh; mar a bha ag Easpuig Cranmer a loishg dh’e an lamh a chuirr e re papanachd. Ma chi shibh neach ag sgathadh coish no gairdin d’e-fein, is shealla deistinneach shin; ach feadaidh deagh abhar bith aig-e chum sho a dheanamh, iodhon a thearmann fein. Ma chi shibh neach a bheirr a chorp d’a losgadh gu luaithre, no d’a chloidh le h innealaibh dorainn, agus an neach shin-fein ag diultadh tearmainn; is ro chruaidh sho air fuill agus feoil. Ach feadaidh abhar sar-mhaith bith aig-e chum sho a dheanamh; mar a chi shibh, Eabh. 11. 35. 36. Agus mar a rinn iommad fianaish no Mairtireach criostaidh. Ach duin’ a churr cul rish an Dia a chruthaich e, agus a rith chum teinn’ ifrionn, agus fioss aig’ air a chuntart, agus cuir- [TD 134] re aig-e gu pilleadh chum as gu bith e tearuinte; is giulan sho nach gabh reason air bith a leith-sgeul. Oir diongaidh neamh gach ni a chaillir ’g a teagradh, agus gach saothair a bhuillichir uirr-e. Ach cho diong ni air bith call neamha. Guiddim oir-ibh, anoish fosglaibh ar n anama do ’n teagasg sho. Mar a leigeadh rish dibh nach bheill abhar ag-aibh shibh-fein a mhilleadh, innishibh dhomh ciod air son a dhiultas shibh pilleadh re Dia chum bith beo gu sonna? ciod air son nach bith shibhs’ a luchd an-saoghaltachd, mishge, ain-eolaish agus neamh-churaim, co’-naomha agus co’-churamach m’ ar n anama, rish gach dream eille a ’s aithne dhibh? nach bith ifrionn co’-loishgeach dhibh as do ’n chuidd eille do ’n t sluagh pheacach? nach coir d’ ar n anamaibh bith co’-luach-mhor ag-aibh as ata an anama fein ag daoin’ eille? nach bheill uirrid ughdaraish ag Dia os ar ceann, as ata aig-e os an ceann-’san? air an abhar shin, ciod air son nach sluagh naomhaichte shibh comh-mhaith reu-’san? A dhaoine, reasonaich Dia ribh o natur na cuishe fein, agus nochd e dhibh gu soillear, nach mo ata do reason ag-aibh bith mio-naomha, na ata ag-aibh ar n anama fein a mhilleadh; a- [TD 135] gus mur tuig shibh sho, agus mur pill shibh, is cosmhuil gu bheill shibh ann staidd an-dochaish- Agus anoish, an darra cuidd ’ta abhar ag-aibh dh’ ionsuidh ar deanadaish, no ni bheill. Mur bheill, an cathaich shibh ann aghaidh reasoin? an dean shibh ni agus gun abhar ag-aibh a dheanamh? ach ma shaoileas shibh gu bheill abhar ag-aibh, taishbinibh e. Reasonaichibh a chuish reumsa ar coimh-chreatuir, carr tammail bhig, oir is ussa dhibh sho gu mor, na a reasonachadh re Dia. A dhuinc, innish domh anoish, ann lathair an Tighearna, mar gu bitheadh tu re basachadh air ball, ciod air son nach runaich thu pilleagh an diugh, sheadh, mun gluaish thu ass ionnad do bhonna? am bheill abhar ag-at sho a dhiultadh no a dhearmad? am bheill abhar ag-at a thoillicheas do choguish fein? am bheill abhar ag-at a thagras tu gu dana mar do leith-sgeul ann lathair cathair breitheamhnaish do Thriath? ma ’ta abhar ag-at cluinneamaid e, cuirr ann ceill agus dearbh e. Ach mo thruaidh is an-chaint gun sheagh ann ait reasoin, a chluinn shin gach la, o ’n t sluagh ain-diadhaidh. Bu nar leam a h ainmeachadh mur b’ eigin domh. 1. Ars’ aon neach, “mur teassairgir ach na daoin’ iompoichte, naomhaichte, mar a labhras [TD 136] tusa, ann shin cho bhith neamh ach follamh, agus gu cuiddicheadh Dia leish a mhor-shluagh.’ FREAGRA. Ciod e! is cosmhuil gu saoil shibh nach bheill eolas ag Dia, no nach ionn a chreidshinn! na meassaibh gur shibh-fein an t iomlan, oir ’ta naomh-shluagh gun aireamh ag Dia. Ach is fearr dhibh am feim shin a theagaishg Criost a dheamh do ’n fhirinn sho: Mat. 7. 13. 14. “Rachaibh a ’s teach air an dorras chumhann le spairn; oir is cumhann an dorras agus is aimh-leathan an t sligh’ a threoraicheas gu beatha, agus is beag a gheibh eolas uirr-e; ach is farsaing an dorras, agus is leathan an t sligh’ a threoraicheas gu mille, agus is mor a theid a ’s teach uirr-e.” Luc. 12. 32. Arsa Criost r’a naomh-shluagh, na bitheagh eagal or-ts’ a thread bhig: oir is i deagh-thoill ar n Athar an rioghachd a thoirt dibh.” CUNNUIL II. “Is cinteach leam ma theid mo leithid-s’ chum ifrionn, nach bith dith cuiddeachd uirr-e.” [TD 137] FHREAGRA Agus am foish no comh-fhurtachd dhutsa shin? no an saoil thu nach faigh thu ni ’s leor do chuiddeachd air neamh? an caillir le dith cuiddeachd thu? no an creidd thu nach cuirr Dia a bhagar ann gniomh, do bhridh gu bheill coimh-lion duine ciontach? is barr’aile mealtach iad shin uille. CUNNUIL III. “Ach ’ta na h uille dhaoine peacach, sheadh an dream a ’s fearr.” FREAGRA. Ach cho sluagh peacach neimh-iompoichte na h uille dhaoine. ’Ta naomh-shluagh De saor do pheaca graineil; is uallach trom agus abhar broin leo an laigshe; is e an guidhe durachdach gach la gu lughdaicheadh Dia i, cathaichidh iad gu spairneil ann a h aghaidh gach la, agus is bliadhan leo gach uair gus am bith iad saor dh’i. Ni bheill iad fa ain-tighearnas peacaidh. [TD 138] CUNNUIL IV. “Cho lear dhomh gur fearr luchd-aidmheil a chreiddeimh na daoin’ eille: ’ta iad comh-shantach, chealgach, fhoir-neartach re sluagh air bith.” FREAGRA. Cho ’n ionnann do dheanadas luchd beal-chrabhaidh, agus do ghniomharaibh dhaoine naomhaichte. ’Ta sluagh gun aireamh, taitneach ann an rosgaibh Dhe: giodh do chuirreas an saoghal mio-runach iommad ciont’ ass an leath, air nach do smuaintich iad riamh agus nach dearbhar gu brath. Is tric le luchd-aingidheachd an naomh-shluagh a dhideagh air son peacaidh croidhe, nach lear do neach ach do Dhia fein; gun abhar air bith, ach do bhridh nach urra iad a dhearbhadh ’n an aghaidh, gach ciont’ a ’ta soillear ’n an gniomharaibh fein. CUNNUIL V. “Ach cho duine neamh-ghlan, mishgeach, no foir-neartach mi; agus air an abhar shin, ciod [TD 139] air son a ghlaodhas tu reum iompochadh.” FREAGRA. Mar nach ginteadh thu agus por nan ain-mianna feol-mhor ann do natur, agus mar nach gluaisheadh tu d’ an reir comh-mhaith re daoin’ eille? nach peaca comh-mhor reu shin, intinn thalmhuidh gun chreiddeamh gun umhlachd a bhith ann an duine, agus an gradh a dhlighir do Dhia a thoirt do ’n t saoghal? sheadh, ceaddaichibh dhomh insheadh dhibh, gu bheill moran a sheachnas peaca maslach, comh-taite rish an t saoghal, comh-traileil do ’n fheoil, comh-ain-eolach air Dia, agus co’-choimh-dheass mu neamh ann an guilan a ’ta neamh-mhaslach re h amharc air, as ata daoin’ eille ann an gniomharaibh peacach a ’ta mor-mhaslach ann am fianaish an t saoghail. CUNNUIL VI. “Ni bheill mi mio-runach, no cronnail do neach air bith; agus ciod air son a leir-sgriossas Dia mi?” [TD 140] FREAGRA. An cronn leat di-meass a dheanamh air an Dia a chruthaich thu le a mhearaibh gun mhearrachd, agus a chuirr chum an t saoghail thu do d’ sduireadh gu sonnas le focall a chumhachd? an cronn leat barrachd speish a thoirt do ’n chreatuir na a bheirr thu do ’n chruthai-fhear; agus a thairgshe ghras’ail a dhiultadh gu tair’eil gach la? is e doimhne do pheacaidh bith gun mhothacha peacaidh: cho mhothaich am Marbh gu bheill e marbh! nan aith-bheodhaichteadh thu, chidheadh tu tuille do mhearrachd ann-at fein, agus b’ iongantas leat gu roibh thu co’-neamh-mothachail air do chuntart. CUNNUIL VII. “Is mealta mi, mur cuirr thu daoin’ air mirre cuthaich ann ait an iompochaidh: is leor a churr buaireas in-chinn air sluagh peacach, bith ag smuainteachadh air gnothach a ’ta comh-an-ard os an ceann as nach lear dhoibh e.” [TD 141] FREAGRA I. Am fead thusa bith ni ’s mo air mirre cuthaich na ata thu? air a chuidd a ’s lugha, am bheill cuthach a ’s cuntartaiche na di-meass a dheanamh air do shonnas shioruidh, agus thu fein a mhilleadh gu deonach? FREAGRA II. Ni bheill duine fior-shocrach ann ceill gus an iompoichir e; cho ’n aithne dh’a Dia, no Criost; cho ’n aithne dh’a e-fein, no an saoghal; cho ’n aithne dh’a peaca; agus cho ’n aithne dh’a an gnothach a dh’earb Dia rish a dheanamh air tallamh; gus an iompoichir e. Ars’ an scrioptur “Is mi-reasont’ an sluagh aingidh, no, is ammaideachd le Dia gliocas an t saoghails’, 1. Cor. 1. 20.” Agus air teachd do ’n Mac struidheil gu ceill, runaich e pilleadh, Luc. 15. 17. Nach glic an saoghal, an uair a bheirr iad eas-umhlachd do Dhia, agus a ruidheas iad chum ifrionn, air eagal bith gun cheill? [TD 142] FREAGRA III. Ciod e ata anns an obbair a dhiarras Criost, a chuirreas duin’ ass a bheachd? an cuirr teass-ghradh do Dhia, earbs’ ass, gairm air, smuainte solasach air gloir shioruidh, cul a churr re peaca, gradh brathaireil, agus speish do obbair an Tighearna; an cuirr na nithe shin daoin’ air mirre cuthaich? FREBGRA IV. An uair a ghearranas shibh gu bheill na nithe shin an-ard air ar son, ’ta shibh ag dideadh Dhe fein, do bhridh gu d’ thug e na nithe shin duinn mar obbair, agus gu do chuirr e fhocall ann ceill duinn, ag sparragh air gach neach leish an ail sonnas, gluasachd d’a reir gach oich’ agus la. An an-ard re beantainn doibh, na nithe shin chum an do chruthaicheadh shinn, agus chum am bheill shinn beo? Ma gearranas shinn sho, ni shinn neamh-dhaoine bruideil dhinn fein: agus ’ta shinn mar dhream nach bean re gnothaichibh a ’s airde na nithe talmhuidh feol-mhor. Ma ’s an-ard na flaitheasa re smuainteachadh orr-a, agus re teagar [TD 143] a dheanamh dhoibh, is an-ard iad mar an ceadna r’an shealbhachadh gu brath. FREAGRA V. Nan ceaddaicheadh Dia do dhuine ceann-lag, a chiall a chall air uaire le smuaintibh air nithe shioruidh; tharladh sho o ain-eolas an duine shin air nithe shioruidh, agus do bhridh gu do thriall e gun Fhear iuil: agus b’ fhearr leam gu mor mor bith ann an staidd an fhir shin, na ann an staidd an t sluaigh cheann-laidir neimh-iompoicht’ a mheassas mirre cuthaich mar an gliocas. CUNNUIL VIII. “Shaoilinn nach bheill uirrid curaim ag Dia do smuaintibh, do bhriatharaibh, agus do gniomharaibh dhaoine; as nach bheill e coimh-dheass ump-a.” FREAGRA. Tuigir uaidh’ sho nach creidd shibh focall De, agus mur creidd, ciod e a chreidmheas shibh? nach tugagh ar reason fein dibh teagasg a ’s fearr [TD 144] na a chunnuil sho, giodh nach creidd shibh an scrioptur? an saoil shibh nach roibh curam ag Dia dhinn, an uair dh’aontaich e ar cruthachadh le focall a chumhachd, ar congbhail suas le a laimh threin, agus ar n altrom le a mhaitheas nach traogh? an dean duine glic obbair innealt’ ann diamhanas? an dean no an ceannaich shibh uaireadair dh’amharc air gach la, gun churam a ghabhail am bith e ceart no mi-cheart? air chint, mur creidd shibh gu bheill suil ag Dia ann a fhreasdal sonraicht’ air ar ’n intinne, agus air ar giulan, cho chreidd shibh gu bheill suil aig’ air ar n uir-easbha, no gu diolar leish e. Agus nan gabhadh Dia coimh-beag curaim dhibh as a shaoileas shibh, cho bhitheadh shibh beo gus anoish: bhitheadh cead gallar ann an gleac spairneil dh’ fheachainn co dhiu is luaith’ a chuirreagh ass dibh. Sheadh, thathaicheadh na diabhla shibh agus dh’ fhuadaicheagh iad leo shibh beo, mar a chosgras an gairbh-iasg am minn-iasg, agus an ealt fheoil-reabach na h ealta eille. Cho ’n urra shibh a smuainteachadh nach do chruthaich Dia an duine chum crich no feim eigin: agus ma chruthaich e chum feim air bith e, is ann chum bith sonna ann an geill a thoirt d’a fein. Agus an saoil shibh nach maith le Dia gu freagragh [TD 145] an duin’ a chrioch shin, agus gu deanagh e an obbair chum an do dhealbhagh e; an obbair o ’n sruth sonnas d’a anam? Sheadh leish a chunnuil ain-diadhaidh sho, b’ ail leibh a dhearbhadh, gu do chruthaich agus gu do chum Dia suas an saoghal ann diamhanas. Ach ciod air son a chruthaich e creatuire iochdaranach na talmhainn, ach chum feim an duine? nach bheill an tallamh ’g ar giulan, agus ’g ar n altrom? nach bheill gach beathach a ’ta air, ag freasdal d’ar feim, leo fein agus le an saothair? an do dhealbh Dia aras co’-ghlor-mhor; an d’ thug e do an duine mar ionnad comhnuidh e; agus an do chruthaich e luchd freasdail d’a mar an ceadna; agus anoish an saoil shibh nach bheill duil ag Dia re ni eigin o lamhaibh an duin’ air a shon sho uille? an saoil shibh gur comma le Dia ciod e a smuainticheas, a labhras, no a ni an duine? ma shaoileas shibh sho, ’ta ar barr’ail ro mhi-reasonta. CUNNUIL IX. “Nach bu mhaith an saoghal, an uair nach roibh an crabha co’-docrach do ’n t sluagh? [TD 146] FREAGRA I. Bu ghnath leish gach linn an aimshir a chaidh sheach a chliudhachadh. Bu ghnath leish an t saoghal a ’ta thus’ ag cliudhachagh a radh gu b’ fhearr linn an sheinn-shearachd na an linn fein, agus b’ i roghainn an sheinn-shearachd an linn a chaidh sheach: b’ e sho gearran gach linn do ’n t saoghal. Is lear dhuinn olc ar linne fein, ach cho lear dhuinn an t olc a chaidh sheach. FREAGRA II. Mar mo bharr’ail, ’ta shibh do rireadh: oir saoilidh daoin’ an-saoghalta nach bheill linn a ’s fearr na an linn a ’s taitniche leo fein: an linn ann am bith iad subhach solasach. Agus ni bheill e mar cheist or-m, nach abbair an diabhol comh-mhaith ribhs’ gur iad na lint’ a chaidh sheach a b’ fhearr, an uair a fhuair e-fein moran solaish, an-barr geill, agus beagan eas-umlachd. Ach is e saoghal a ’s fearr gu mor mor, an uair a gheibh Dia moran graidh, speish agus geill. Agus ciod eill’ am modh air an aithnich shibh maitheas no olcas an t saoghail ach sho? [TD 147] CUNNUIL X. “’Ta coimh-lion gne chrabhaidh ann, as nach bheill fioss ag-ainn ciod e an creiddeamh d’ am bith shinn; uim-e shin, fannaidh shinn mar ata shinn.” FREAGRA. Do bhridh gu bheill iommad gne chreiddeimh ann, am bith thusa do ’n chreiddeimh a ’s meass’ a ’s aithne dhut? ni bheill neach a ’s faidde o shligh’ an fhir-chreiddeimh na am peacach an-saoghalta, ifrionnach, neimh-iompoichte: oir cho chuirr a bharr’ail sho, no a bharr’ail ud air sheacharan e, mar neach eille: ach is aon sheacharan claon a bheatha gu h iomlan. Nan rachadh tu air turrus rish am bitheadh t anam ann earbsa, an staddadh, no am pilleadh tu air t aish, do bhridh gu tarladh slighe dho-chomhnard gharbh or-t, no do bhridh gu faiceadh tu cuidd do ’n luchd-astair ag triall air sligh’ a mharc-shluaigh, cuidd air slighe nan coishiche, agus cuidd ag leim fail, sheadh, agus cuidd eill’ ag call na slighe? no nach b’ fhearr leat an t sligh’ iarraidh gu curamach spair- [TD 148] neil? ma ta cuidd do luchd-tuarasdail ag-at, nach bheill eolach air t obbair a dheanamh gu ceart, agus cuidd a ’ta mi-dhileas, am bu mhaith leat cach eill’ a bhith diamhain, do bhridh gu faic iad d’ an co’-luchd-tuarasdail cuidd re mille gnothaich, agus cuidd eille re macnus? CUNNUIL XI. “Cho lear dhomh gur fearr staidd dhaoine diadhaidh na staidd dhaoin’ eille. ’Ta iad co’-aim-beartach dhocrach re luchd-aingidheachd fein.” FREAGRA. Abbair gu bheill daoine diadhaidh ni ’s aim-beartaich agus ni ’s docraich na daoin’ eille, an uair a chi Dia shin iom-chuidh: gidheadh an saoil thu gur tuarasdal leo socair agus saibhreas saoghalta? thaishg iad an ionmhas agus am muinghin ann an saoghal eille, no cho ’n fhir-iochdarana do Chriost iad. Mar a ’s lugha ’ta ac-a, a ’s moid’ a ’ta ac-a r’a fhaghail: agus fannaidh iad gu neimh-ghearranach, gus an toir Dia dhoibh na [TD 149] nithe shin a ’ta dh’ easbhuidh orr-a, dheanamh an sonnaish coimh-lionta. CUNNUIL XII. “Ann diaigh dhut uirrid a radh ’s is urra thu, is i mo run’sa, mo dhochas a churr ann an Dia, agus earbs’ a dheanamh ass, an ni a ’s fearr a ’ta ann mo chommas a dheanamh, ach gun uirrid leath-troim a churr or-m fein le crabha ’s ata thus’ ag iarraidh or-m.” FREAGRA I. An e shin bith ag deanamh an ni a ’s fearr a ’ta ann do chommas, an uair nach pill thu re Dia, ach a bhitheas do chroidh’ ann aghaidh geill dhurachdaich naomh’ a thoirt dh’a? creiddim gur e shin an ni a ’s fearr a ’ta ann do ruin, ach cho ’n e an ni a ’s fearr a ’ta ann do chommas; agus is e shin abhar do dhorainn fa dheirre. FREAGRA II. Is e m’ iartas durachdach, gu cuirr thu do dhochas ann an Dia, agus gu dean thu earbs’ ass. Ach ciod e rish am bheill do dhuil? an i do dhuil [TD 150] gu teassairgir thu, ma philleas tu, agus ma naomhaichir thu? gheall Dia shin dut; agus na caomhuinn duill a bhith ag-at rish. Ach ma shaoileas tu gu teassairgir thu gun iompocha agus gun bheathaidh naomha, cho ’n e sho dochas a churr ann an Dia, ach anns an Diabhol, agus ann-at fein: oir cho d’ thug Dia an gealla sho dhut, ach a cheart atharach: ach thug an diabhol agus t fhein-speish dhut e, agus mhosgail iad an dochas shin ann-at. Sheadh, mur bheill cunnuil ag-aibh ann aghaidh iompochaidh agus beathaidh naomha ach an leithid shin, chaill shibh ar saothair, oir ni bheill ant’ uill’ ach neimh-ni: agus ma shaoileas shibh gur deagh abhar dhibh gach cunnuil dhiu shin, a churr impidh oir-ibh cul a churr re Dia agus shibh-fein a thilgeil ann an ifrionn na dorainn; gu teassairgeadh Dia shibh o leithid shin do reason, agus o chruadh-chroidh’ ain-eolach gun mhothacha. Am bith do mhishnich ag-aibh gach cunnuil dhiu shin, a churr ann ceill mar leith-sgeul, ann an lathair cathair-breitheamhnaish an De mhoir? an saoil shibh gur leith-sgeul do neach air bith a radh rish an Tighearna, “cho do phill mi do bhridh gu roibh uirrid ag-am r’a dheanamh air tallamh; do bhridh nach bu taitneach leam [TD 151] giulan cuidd do luchd-aidmheil a chreiddeimh; agus do bhridh gu facadh mi coimh-lion gne chrabhaidh ag daoine.” O, cia gradd a leigeas sollas an laidh shin rish, laigshe mhaslach nan cunnuile shin. An roibh an saoghal ag-at re curam a ghabhail d’e? thugagh an saoghal d’an d’ thug thu geill, do thuarasdal dut, agus teassairgeagh e thu ma ’s urr’ e. Nach roibh saoghal a b’ fhearr ag-at re curam a ghabhail d’e, ar tus? nach do sparragh or-t rioghachd De agus a ceartas iarraidh air tus, agus nach do ghealladh gu cuirrir na h uille nithe eille reut, Mat. 6. 33. Agus nach d’ insheadh dhut, gu bheill an diadhachd ag am bheill gealla na beathaidh a ’ta a lathair, agus a ’ta chum teachd, tarbhach chum nan uille nithe, 1. Tim. 4, 8. An do chum peaca luchd-aidmheil a chreiddeimh air t aish thu? Bu chora dhut bith ni b’ uirreachair, agus rabh’ a ghabhail o an cuil-sleamhnacha-’san bith air t fhaicill, agus bith ni ’s curamaich; is e an scrioptur agus cho ’n e an giulan-’san bu riaghail dut. An do chum iommad gne chreiddeimh an t saoghail air t aish thu? cho do theagaishg an scrioptur, riaghail do ghiulain, dut ach aon slighe, agus b’ i shin an t slighe cheart: nan leannadh tu a chuidd a bha comhnard reidh dh’ i, cho rachadh [TD 152] tu riamh air sheacharan. Nach cuirr an leithid sho do fhreagraibh amla tosdach or-t? mur cuirr, ’ta sheol’ eill’ ag Dia, a chuirreas tosd or-t gu shioruidh. An uair a chuirr Dia mar cheist air an duine neimh-iompoichte, Mat. 22. 12. “A charraid cionnas a thainig thus’ ann sho gun truscan bainshe um-at?” is e shin re a radh, ciod e do ghnothach do m’ eaglaish, ann am measg m’ fhior-luchd-crabaidh, gun chroidhe agus giulan naomh’ ag-at? ciod e am freagra thug an duine neimh-iompoicht’ air a cheist sho? cho d’ thug smidd; ach bha e tosdach, gun dadda r’a radh aig-e. Druiddidh a cheist shoillear sho, agus morachd uabhasach na diadhachd, beal nan daoin’ aingidh shin a ’s tull-chuishich ann ar measg, giodh nach cuirrir cosg or-tsa, le h aon ni a ’s urra luchd teagaishg a radh reut anoish, ach consaichidh tu gur ceart do chuish fein cia mi-cheart air bith i. ’Ta deirbh-fhioss ag-am nach bith feim dhut fa dheirre, ann an aon leith-sgeul a ’s urra thu anoish a churr ann ceill, an uair a ransaichir do chuish ann an lathair an Tighearna agus an t saoghail gu leir. Sheadh, is gann a chreidmheas mi gur taitneach le ar coguishibh fein ar leith-sgeula. Oir ma ’s taitneach is cosmhuil nach bheill aithreachas ann [TD 153] ar ruin. Ach ma ’ta sho ann ar ruin, is cosmhuil nach mor ar n earbs’ ass a chunnuil a ’ta shibh ag curr air, no ass an leith-sgeul a ’ta ag-aibh ann a aghaidh. Ciod e anoish a pheacaich neimh-iompoichte? am bheill deagh abhar ag-at gun iompochadh air ball agus le t uille chroidhe? no an triall thu chum ifrionn dh’ ain-deon gach reasoin? thoir an airre dhut fein trath, oir is ro an-moch dhut shin a dheanamh gu gairrid. Am fead thu gearran a dheanamh air Dia, air obbair, no air do thuarasdal? am meassa an t uachdaran Dia na an diabhol agus an fheoil d’an geill thu? am bheill cronn ann an giulan naomha? am fearr giulan an-saoghalta, agus mio-naomha na e? an abbair do choguish reut gu dean iompocha agus beatha naomha do chronn? ciod e an cronn a ni iad? an olc leat spiorad Chriost a bhith ann-at? an olc leat croidhe fior-ghlan? nam b’ olc bith naomh’, an abradh Dia, “bithibh naomha, oir ’ta mishe naomha!” 1. Pead. 1. 16. An olc bith cosmhuil re Dia? nach do chruthaich Dia an duine do reir a dhreach fein? is i an naomhachd sho iomhaigh Dhe: chaill Adhamh i, agus is ail le Criost a h aisheag dhutsa, agus do an dream shin uill’ a theassairgeas e le fhocall agus le a spiorad [TD 154] Ciod air son a bhaisteadh thu fein agus do Chlann do ’n spiorad naomha, mar do t fhear-naomhachaidh, mur ail leat gu naomhaichir thu, agus ma shaoileas tu gu dean naomhacha do chronn? innish dhomh gun bhreag, mar ann an lathair an Tighearna; giodh d’ is leasg leat bith naomha, nach b’ fhearr leat basachadh mar naomh, na mar dhroch-dhuine? nam bitheadh tu re basachadh air ball, nach b’ fhearr leat basachadh mar dhuin’ iompoichte, na mar dhuine neimh-iompoichte? mar dhuine fior-ghlan neamhaidh, na mar dhuine feol-mhor talmhuidh? agus nach abradh tu le Balaam, “Aireamha. 23. 10. Basaichims’ mar am firean, agus bitheadh mo chrioch dheirreannach mar a chrioch-’sa?” agus ciod air son nach guidh thu anoish, an ni shin a ghuidheadh tu air adhart baish? anoish no ann diaigh sho, is eigin dut iompochadh, no thig or-t oiche tinnish agus baish anns nach fead thu sho a dheanamh, giodh do b’ ail leat e. Ach ciod e ata eagal or-t a chall ma philleas tu? an caill thu do chairde neimh-iompoichte? ma chailleas gheibh tha cairde eill’ a ’s fearr na iad; gheibh thu Dia, Criost, an Spiorad naomha, agus gach criostuidh. Gheibh thu aon charraid a ’s fearr dhut, agus a ni tuill’ air do shon, na ’s urra [TD 155] gach carraid saoghalt’ a dheanamh. Mhealladh na cairde shin a chaill thu, chum ifrionn thu, ach cho ’n fhead iad do theassairginn: ach teassairgidh an carraid a gheibh thu t anam o ifrionn, agus bheirr e thu chum a shuaimhnish shioruidh fein. ’Ta eagal or-t gu caill thu t aibhneas, agus nach bith la subhach ag-at gu brath ma philleas tu. Mo thruaigh, an solasaiche leat sugra ammaideach feol-mhor, na beatha chrabhach, smuainte air gloir shioruidh, teass-ghradh do Dhia, seirc do ’n chinne daona, shith coguish agus aibhneas anns an Spiorad naomha, ann am bheill staidd nan gras’ ag coimh-sheassamh? Romh. 16. 17. Nam bu mho an solas leat smuainteachadh air t fhearrann agus air t oireachd, nam bitheadh Tighearnas na tire gu leir ag-at, na smuainteachadh air cluith clainne big; ciod air son nach fearr leat smuainteachadh air rioghachd neamha, mar t oireachd, na air saibhreas an t saoghail gu leir? mar is ammaideachd leanbuidh a bheirr air clainn bhig uirrid tlachd a ghabhail ann an nithibh faoin, as nach cuirr iad ann an geall t oireachd iad; mar an ceadna is ammaideachd an-barrach a bheirr or-tsa uirrid tlachd a ghabhail do t inbhe, do d’ shaibhreas agus do d’ sholas saoghalta, as nach cuirr thu [TD 156] iad ann an geall an t sonnaish neamhaidh. Ach ciod e ni thu air son solaish, an uair a chailleas tu iad shin? nach smuaintich thu air sho? an uair a chriochnaicheas do sholas saoghalta le h uabhas, agus a theid e ass mar smal le droch bholtrach, bithidh solas neamhaidh an naomh-shluaigh ag shior-dholl am mead. Bhlaish mi fein beagan do ’n t solas neamhaidh, ann an dearcagh air an deirbh-beachd a ’ta ag-am air gradh Dhe ann an Criost; agus ann an reamh-smuainteacha air an la bheannaicht’ a ’ta re teachd: agus tharraing mi lain-deoch do ’n t solas thalmhuidh, gidheadh, is eigin domh aidmheachadh o mo mhothacha fein, nach coimh-meass d’ a cheil’ iad: is eigin domh aidmheachadh ma shoilshicheas grian na beathaidh gu dealrach oir-n, gur solasaich aon la ann an staidd na naomhachd, na shioruidheachd ann an staidd an t solaish pheacaich. “Is fearr la ann an aras De, na mile la ann an ait eille: is fearr leam doirsh-fhearachd ann an aras mo Dhe, na comhnuidh ann am pailionibh aingidheachd.” Sal. 84. 10. ’Ta gaire luchd-aingidheachd, mar ghaire luchd-cuthaich, do nach lear an dorainn fein: uim-e shin arsa Solomh rish a ghaire shin, “is mirre cuthaich e: agus re sugra ciod e is feim dh’a? Eccles. 2. 2. Is fearr doll chum tigh broin’ [TD 157] na chum tigh fleadha: oir is i shin crioch dheirreannach gach aon duine, agus taishgidh am beo ann a chroidh’ i. Is fearr bron na gaire: oir leassaichir an croidhe le dubhachas na gnuish. Bithidh croidh’ an duine ghlic ann an tigh broin: ach croidhe nan ammadan’ ann an tigh an t sugraidh. Is fearr dhuinn eishdeachd re h achmhusan an eagnaidh, na eishdeachd re h abhran nan ammadana, oir ’ta gair’ an ammadain mar fhuaim droighnich fa phoit: is diamhanas sho mar an ceadna. Eccles. 7. 2—6.” ’Ta an solas feol-mhor gu leir, mar an solas a bheirr sgrioba na claimhe do ’n neach air am bith i: is i an ea-slaint a bheirr air an solas sho a mhiannachadh: agus b’ fhearr le duine glic na an solas sho uille, bith saor o an ea-slainte. Ni bheill ar sugra ard-ghuthach, ach mar ghaire duine chigilte: ni e gaire gun abhar gairdeachaish. Is glice dhut gu mor t oireachd a thoirt air son gair’ a thoirt or-t le cigle, na cul a churr re gradh Dhe, re solas na naomhachd, re dochas neamhaidh, agus thu fein a churr am mugha; chum as gu ciglir t fheoil le solas peacaidh carr tammaill bhig. Smuaintich mar dhuine gear-chuisheach an glic an giulan sho. Is e do natur mio-naomhaicht’ a bheirr or-t giulan naomh’ a mheass mar leath- [TD 158] trom, agus giulan ain-miannach a mheass mar sholas. Ma philleas tu, bheirr an Spiorad naomha dhut natur agus togra eille, agus ann shin, is solasaiche leat gu mor cul a churr re do pheaca, na bith ’g a altrom ni ’s faidde; agus is caint dut ann shin, nach roibh eolas ag-at air solas beathaidh, agus nach roibh thu riamh ceart, gus an do ghabh thu tlachd ann an Dia, agus ann an naomhachd. CEISHT. Ciod air son ata daoine coimh-mhi-reasont’ ann an gnothach rish am bheill an sonnas ann earbsa? ’ta iad leoir-ghear-chuisheach ann an gnothaichibh eille, ach ciod air son ata iad coimh-leasg gu h iompochadh, as gur saothair chailte bith ag labhairt reu, air cuish co’-shoillear; oir triallaidh cuidd mhor dhiu gu bruach na h uaighe, sheadh, agus trid gleann dorch agus sgaile baish gun iompocha? FREAGRA Chum a cheist sho fhuasglagh ann am briatharaibh aith-ghearr. [TD 159] 1. ’Ta an-barr graidh do ’n t saoghal agus do ’n fheoil ann an natur dhaoin’ aingidh, rugagh iad le por nan ain-mianna peacach, agus ’ta an natur co’-naimhdeil do Dhia agus do naomhachd, as ata an nathair do n duine: agus an uair a bhitheas gach teagasg a gheibh iad, ann an aghaidh droch-ruin shuighicht’ an natuir, cho ’n iongantas giodh do chailleas luchd teagaishg an saothair, agus giodh nach toir iad buaidh le ’n impidh. 2. ’Ta luchd-aingidheachd ann an dorchadas co’-duibh-nealach thiugh as nach lear dhoibh an ni shin a chluinn iad. Mar dhuin’ a rugadh dall, a chluinn mor chliudh an t sollaish: ach is comma, dh’a sho mur lear dh’a e. Cho ’n aithne dhoibh Dia, no cumhachd an t soisgeil, cho ’n aithne dhoibh an spiorad naomha, no giulan sheirceil do reir an fhir-chreiddeimh: cho ’n aithne dhoibh iom-chuidheachd, cint, mor-luach, agus buanas na h oireachd neamhaidh. Cho ’n aithne dhoibh an t iompocha, no intinn agus giulan naomha, sheadh, giodh do chluinn iad iom-radh orr-a. Dhallagh iad le duibhre dorch an ain-eolaish. Chaidh iad air sheacharan peacach, mar dhuin a chaill a shlighe anns an oiche, gun fhioss aig-e c’ait ann roibh [TD 160] e, gus an do bhrish an la speur-ghlan a dheanamh an iuil dh’a gu ceann uighe. 3. ’Ta duil an-toilleil ac-a nach feim iad lain-iompocha, ach cuidd atharachaidh; agus gu bheill iad air an t slighe chum neamha cheanna; agus gu bheill iad iompoichte giodh nach bheill. Agus ma chi thu neach a chaill an t slighe gu turr, ni bheill feim dhut bith ag glaodhaich rish pilleadh, mur creidd e gu bheill e air sheacharan. 4. Is trailleacha daoin’ aingidh d’ an ain-miannaibh feol-mhor, ’ta iad bait’ ann an saoghaltachd, agus cho ni leo ach sollar talmhuidh. Chuirr an ain-mianna ciocrach, an togra neimh-gheanmnaidh, agus am buaireas intinn, ass an ceill iad, agus fhuair iad lamh-ann-uachdar orr-a comh-mhor, as nach urr’ iad a dhiultadh geill doibh, no ni air bith a thoirt fa dearr ach iad: air an abhar shin ars’ am mishg-fhear, “is ionmhuinn leam deagh dheoch laidir, agus cho bheo mi ass a h eagmhuish.” Ars’ an geocach, is ionmhuinn leam cuirim shobhail, agus cho solas leam ach i.” Ars’ an neamh-ghlan, “is ionmhuinn leam m’ ain-mianna feol-mhor, agus cho sonnas leam, ach an lan-daothainn.” Is ionmhuinn le cluith-fhear macnas, agus cho [TD 161] ni leish ach e. Mar sho is trailleacha ceangailte do ’n t saoghal agus do ’n fheoil iad, agus is ea-commas an toilleileachd, agus an ni nach ail leo a dheanamh, cho ’n urr’ iad a dheanamh, ma ’s fior iad fein. ’Ta an duin’ an-saoghalta co’-churamach mu nithe talmhuidh, as nach bheill uin, croidhe, no run aig-e, chum smuainteachadh air nithe neamhaidh, ach mar dh’ith bath grana feol-truagh Pharao, na bath breadha reamhar, Gin. 41. 4. Mar an ceadna, shluig smuainte talmhuidh smuainte neamhaidh. 5. ’Ta cuidd dhaoine fuaduichte le sruth na droch-cuiddeachd, agus ni bheill ach droch bharr’ail ac-a air giulan diadhaidh, do bhridh gu cluinn iad an luchd-commuinn ’g a shir-dhideadh: no air a chuidd a ’s lugha, saoilidh iad gur tearuinte dhoibh am mor-shluagh a leannamhainn, agus mar sho theid iad air an aghaidh ann an slighe peacaidh; agus giodh do spionar neach agus neach eill’ uath-a, d’ an tilgeil ann an ifrionn, cho chuirr sho oilt orr-a, oir cho lear dhoibh c’ait ann do thilgeagh iad: ach mo thruaigh triallaidh iad ann an slighe peacaidh, gun fhioss ac-a gu bheill an luchd-gaoil agus commuinn, a ’ta ann an dorainn, ’g a chaoineadh sho gu goirt. Luc. 16. Bu mhaith leish an duine dhoichiollach shaibhir ann an ifrionn, [TD 162] neach a thoirt rabha d’ a chuig brathairibh, mun rachagh iad chum ionnad shin na dorainn. Is cosmhuil gu b’ aithne dh’a an run agus an giulan, agus gu roibh cabhag orr-a chum ifrionn, gun smuainteachadh gu roibh am brathair ann shin; sheadh, agus gur gann a chreiddeagh iad aon neach a dh’inseadh dhoibh gu bu chomhnuidh dh’a ionnad na shior-chloidh. Is cuimhne leam shealla, a dh’innish duin’ uasal eigin domh, (Mr. R. Rowly o Shrewsbury air drochaid Acham) a chonnaic e-fein air drochaid Severn. Bha fear ag iommain tread reamhar uan’, agus choinnich ni eigin iad, a chuirr sgaoim orr-a, as gu do leim aon uan air balla na drochaid, agus air sleamhnachadh d’a chossaibh thuitt e anns an t sruth; chonnaic cach an t uan-s’ ag doll ass an shealla, agus leim gach aon diu ann diaigh a cheile tharr an Drochad anns an t sruth cheadna; agus is beag nach do bhathagh iad uille; cho roibh fioss ag an deirre ciod e bu diol do ’n toisheach, ach shaoil iad gu bu tearuinte dhoibh a mhor-chuiddeachd a leannamhainn; ach co’-luath as a thuitt iad bonn os ceann tharr a bhalla, mhothaich iad atharacha. Is amhail a thachair do ’n t sluagh fheol-mhor neimh-iompoichte. Basaichidh neach laimh reu, agus tuittidh e ann an ifrionn, agus [TD 163] leannaidh neach eill’ e: agus triallaidh Cach air an loirg, do bhridh nach smuaintich iad c’ait ann deach’ iad. Ach an uair dh’ fhosgaileas am Bas an suile, agus a chi iad an dorainn a ’ta air an taoibh eille do ’n bhalla; sheadh, ann an saoghal eille, ciod e nach tugagh iad air son bith far an roibh iad! 6. Os-barr, ’ta namhad mio-runach, inleachdach, agus neamh-fhaicshionnach ag luchd-aingidheachd, namhad a leagas a cheap-tuishlidh anns an dorchadas; agus is priomh-obbair dh’a bith ag bacail an iompochaidh; ’g an congbhail far am bheill iad; ag curr impidh orr-a gun smidd do ’n scrioptur a chreidshinn; gun dragh a churr air an intinne leish; droch-bharr’ail a bhith ac-a air beathadh dhiadhaidh; a mheass gur an-barr neimh-fheimeil i, agus gu teassairgir iad gun iompocha, agus gun uirrid dragh; agus gu bheill Dia co’-trocaireach as nach leir-sgrioss e an leithid shin; air a chuidd a ’s lugha, gu fead iad fuirreachd tammal beag eille; an daothainn solaish a ghabhail; an saoghal a leantainn beagan ni ’s faidde; agus ann shin, cul a churr rish le h aithreachas. Leish na h aish-inleachdaibh mealtach sho, congbhaidh an diabhol cuidd mhor do ’n t sluagh fa [TD 164] bhruidd, agus treoraichidh she chum a dhorainn fein iad. Is iad shin, agus an leithid eille do cheapaibh tuishlidh, a chongbhas an-barr sluaigh o iompocha. Giodh do chaith Dia agus Criost, an spiorad naomh’ agus luchd teagaishg, uirrid saothair air an iompocha; gidheadh, do bhridh gu do chuirreagh tosd air an reason, agus nach urra iad freagra thoirt air an Tighearn’ a ghlaodhas air an diaigh, (‘Pillibh, pillibh, ciod air son a bhasaicheas shibh?’) chailleadh gach saothair a bhuillicheagh air cuidd mhoir dhiu; agus cho ’n fhag iad anoish ag luchd-teagaishg r’a dheanamh, ach suigheadh shios, agus an dorainn a chaoidh. Thaishbineagh anoish d’ibh reasontachd iartaish De, agus mi-reasontachd eas-umhlachd dhaoin’ aingidh. Agus mur dean sho feim, agus ma dhiultas luchd-aingidheachd pilleadh, bheirrir fa dearr anns an ait a ’s foigshe, co ag am bheill a choirre ma theid iad am mugha. Agus treoraichidh sho shinn chum an teagaishg dheirreannaich; iodhon. [TD 165] TEAGASG VII. Mur iompoich daoin’ aingidh ann a dhiaigh sho uille, cho ’n i coirre Dhe ach an coirre fein ga leir-sgriossar iad, is i an an-toill fein fior-abhar an dorainn: oir basaichidh iad do bhridh gur roighniche leo bas na iompocha. Ma theid shibh chum ifrionn, am foirir oir-ibh? shaor Dia e-fein ar fuill; cho luidh coirre ar leir-sgrioss air-’sin. Feadaidh fear teagaishg neamh-churamach, agus an dream a bheirr mishneach dh’ibh anns an olc, agus nach toirmishg ar peaca dh’ibh, cuidd d’ ar ciont’ a tharraing orr-a fein; ach bithibh cinteach, nach agrar ar Dia i: Ars’ an Tighearna mu Fhion-ghara gun torra, ann diaigh dh’a a thog’ail ann am fonn tarbhach, na clocha thilgeil ass, agus rogha nan cranna fiona shuidheachagh ann, Isa. 5. 3. 4. “Guidhim oir-ibh thugaibh breith, eidir mish’ agus m’ Fhion-ghara. Am feadar tuill’ a dheanamh re m’ Fhion-ghara, ach na rinn mi rish?” mar an ceadna, am feadadh Dia tuill’ a dheanamh r’ibhs’ ach na rinn e? Chruthaich e ar corpa gu h iongantach; chuirr e anama reasont’ ant-a d’ an riaghlachadh; chum e suas shibh leish a chumhhachd; dh’altrom e shibh leish a mhaitheas; thug [TD 166] e air creatuire eille bith freasdalach dh’ibh; thug e dh’ibh lagh co’-thromach iom-lan d’ar sduireadh: an uair a bhrish shibh e, agus a chuirr shibh ass di’bh-fein, dh’amhairc e oir-ibh le tiom-chroidhe, dh’aontaich e gu h iongantach gras-mhor Aon-mhac shioruidh a bhasachadh, mar iobhairt air son ar peacaidh, agus bha e ann an Criost ag reiteachagh an t saoghail rish fein. Thug Criost di’bh e-fein, agus beatha shioruidh mar thiolac saor, ma ghabhas shibh e agus ma philleas shibh. Air a chumhnant reasonta sho thairg e dh ’ibh gu saor lan-mhaitheamhnas ar n uille pheacaidh. Sgriobh e sho ann a fhocall, naishg e le a spiorad e, agus thairg e dh’ibh le a luchd teagaishg e, gu tric agus gu minnig agus ghuidh iadsan oir-ibh a ghabhail agus pilleadh re Dia. Thug iad earrail oir-ibh ann a ainm-’sin, reasonaich iad a chuish r’ibh, agus fhreagair iad ar n uille chunnuile fann. Dh’ fhuirrich Dia fadda ri’bh. Dh’ fhuilling e an-chaint uai-bh. Chum e suas shibh gu gras-mhor ann am boilshgin ar peacaidh: chuartaich e shibh leish gach gne throcair! cho’-maishg e solas le ar dolas, a chuimhneachadh ar n ammaideachd dh’ibh, agus d’ ar gairm g’ ar ceill: bu tric a Spiorad ag gleac r’ ar n anamaibh, agus ag radh reu, fa leath, “pill [TD 167] a pheacaich, pill air iartas do Dhe: c’ait ann triall thu? ciod e is obbair dhut? an aithne dhut do chrioch, no ceann t uighe? cia fhadd a bheirr thu fuath do d’ chairdibh, agus gradh do d’ naimhdibh? c’uin a threigeas tu gach peaca, a philleas tu re d’ Dhia, a bheirr thu suas thu fein d’a umhlachd, agus a chuirreas tu t Fhear-saoraidh ann an sheilbh t anama? c’uin a tharlas sho?” thagradh leass t anama reut air a mhodh sho. Agus air bith dhut maill-triallach, sparragh or-t cabhag, agus ghlaodh Dia reut greassachd or-t, ag radh, “Ann diugh, am feadh a mhairreas an la, na cruadhaich do chroidhe: nach pill thu anoish gun tuille maille?” chuirreagh beatha ann do lathair; leigeadh rish dut an solas neamhaidh anns an t soisgeul: dhearbhagh a chint dhut, agus cint dorainn shioruidh na h aittim a chaidh am mugha. Mur b’ ail leat shealla do Fhlaitheas na gloire, agus do ifrionn na dorainn, ciod e tuill’ a dh’ iarradh tu? thaishbineadh dhut, mar gu b’ eadh, Criost ceast ann am fia’naish do shuile. Gal 3. 1. Dh’ insheadh dhut gu minning, gur duine cailte thu mur pill thu rish; agus is coimh-tric a chualadh tu olc agus diamhanas peacaidh; agus diamhanas solaish agus saibhrish an t saoghail-s’; giorrad agus neimh-chint [TD 168] do bheathaidh; agus shioruidheachd solaish agus dorainn an t saoghail eille. Leigeadh sho agus tuille rish dut, a rish agus a rish; gus an roibh thu sgith ’g a eishdeachd: agus is lughaid a thug thu fa dearr e, gu cualadh tu e coimh-minnig, mar Mhadda Ceaird, air an d’ fhuair cleachdainn lamh-ann-uachdar comh-mhor, as gu coidil e gu suaimhneach fa fhuaim nan ord’, agus na drithleanna ag sraddadh mu a chluasa; agus giodh nach d’ iompoich sho uille thu, gidheadh, ’ta thu beo, agus gheibh thu trocair ann diugh, ma ’s ail leat i. Anoish leig a chuish fa raidh do reasoin fein; agus fiosraich dh’e, an i coirre Dhe no do choirre fein, ma theid thu am mugha gun iompocha ann a dhiaigh sho uille? ma bhasaicheas tu anoish; is ann do bhridh gur fearr leat bas na beatha. Ciod e tuille dh’ fheadar a radh reut? no innish fein ma ’s aithne dhut, ciod eill’ an doigh air an teassairgir thu? an abbair thu, “och bu mhaith leam iompochadh mar nuaidh-chreatuir, ach cho ’n urra mi; bu mhaith leam mo chuiddeachd, mo smuainte, mo bhriathara, agus mo ghniomhara atharachadh, ach cho ’n urra mi shin a dheanamh.” Nach b’ urra thu nam b’ ail leat? ciod e a bhac thu ach aingidheachd do chroidhe fein? co a thug or-t peacach- [TD 169] adh; no a chum ar t aish thu o leass t anama? nach roibh an teagasg, an uin, agus an commas ceadna ag-atsa gu bith diadhaidh, a bha ag do dheadh nabaidh? agus ciod air son nach feadadh tusa bith diadhaidh mar esin? an do chrannadh dorras na h eaglaish or-t? no, nach do chum thu fein amach thu? no, nach do shuigh agus nach do choidil thu; agus nach cualadh tu mar nach cluinneadh tu. An do chuirr Dia cunnuil or-t ann a fhocall, an uair a thug e cuirre do pheacachaibh pilleadh; agus a gheall e dhoibh trocair nam pilleagh iad? an dubhairt e, “Bheirr mi maitheamhnas do gach neach a gabhas aithreachas, ach dhutsa?” an do dhiult e commas aoraidh dhut? an do thoirmishg e dhut urnaigh a dheanamh, ni ’s mo na do chach eille? ’ta fioss ag-at nach do thoirmishg. Cho d’ iommain Dia uaidh-e thu, ach theith thu fein uaidh-e. Agus an uair a ghairm e d’a ionsuidh thu, cho b’ ail leat teachd. Nan diultadh Dia dhut gealla agus tairgshe choitcheann na trocair, no nan abragh e reut; “sheass uai-m, cho bhith gnothach air bith ag-am re do leithid; na dean urnaigh reum, oir cho ’n eishd mi reut. cho toir mi feart ar t aithreachas cia a mhead, agus cho fhreagair mi cia durachdach air bith dh’iarras tu tro- [TD 170] cair.” Mur fagadh Dia ag-at mar mhuinghin ach an-dochas bha sar leith-sgeul ag-at. Agus dh’ fheadadh tu a radh, “ciod air son a ghabhas mi aithreachas, agus a philleas mi, agus gun fheim air bith dhomh ann?” ach cho b’ e sho do chor-’sa. B’ urrus dhut Criost a bhith ag-at mar Tighearna agus mar Leigh, mar ata e ag daoin’ eille, ach cho b’ ail leat e; do bhridh nach do mhothaich thu tinn ni ’s leor thu fein, air son an Leigh; agus nach b’ ail leat deallachadh re t ea-slainte: dubhairt tu le do chroidhe mar an luchd ceannairc, Luc. 19. 14. “Cho ’n ail leinn am fear sho mar riogh.” Ghabhadh Criost thu fa a sgiathaibh slainteil, ach cho b’ ail leat shin, Mat. 23. 37. Nach an-barrach an speish do leass dhaoin’ a thaishbin an Tighearna ann a fhocall fior-ghlan? nach an-mhor an tiom-chroidhe leish an dubhairt e, “O! nan eishdeadh mo shluagh reum, agus nan gluaisheagh iad ann mo shlighibh! Sal. 81. 13. O! gun a leithid shin do chroidhe anns an t sluagh sho, as gu bitheadh m’ eagal-’s’ orr-a agus gu coimhideagh iad m’ uill’ aitheanta do ghnath, chum an leass fein agus leass an clainne gu brath! Deut. 5. 29. O! gun iad a bhith glic, O! nach tuigeagh iadh sho, agus nach meassagh iad an [TD 171] crioch dheirreannach!” bhitheadh Dia dhut mar Dhia, agus bheirreagh e dhut sonnas mor mar do mhiann, nan tugadh tu geill d’a; ach thug thu barrachd speish do ’n t saoghal agus do ’n fheoil na a thug thu dh’a, agus uim-e-shin cho d’ eishd thu rish; giodh do chliudhaich thu e, ag toirt mor-ainm dh’a, gidheadh cho b’ ail leat e fa dheirre. Air an abhar shin cho n iongantas ma thug e suas thu do ain-miannaibh do Chroidhe, a ghluasachd do reir t an-toill’ fein. Dh’ aontaich e a chuish a thagradh reut, agus chuirr e mar cheist or-t, “ciod e ata ann-amsa, no ann m’ obbair, as gu bitheadh tu comh-mhor a’m’ aghaidh! ciod e an cronn a rinn mi or-t a pheacaich? an do thoill mi an gnathacha mio-shuairc sho o do lamhaibh? is iommad trocair a thaishbin mi dhut; agus ciod air son a ni thu di-meass or-m? am mishe no an diabhol is namhad dut? an ann o bheathaidh naomha, no o ghiulan peacach, ata abhar ag-at teitheadh? ma theid thu am mugha, is tu fein an coirreach; oir threig thu mishe do Dhia tearmainn, Jer. 2. 17. Nach toir t aingidheachd fein smachd or-t, agus do pheaca achmhusan dut? is urrus dut fhaicshinn gur olc agus shearbh an ni dhut gu do threig thu mishe, Jer. 2. 5. [TD 172] 6? ciod e an cronn a fhuair thu dhomh, an uair a threig thu mi agus a leann thu diamhanas? Jer. 2. 5. 6.” ’Ta an Tighearn’ ag gairm neamh’ agus talmhainn mar fhia’naish’ a thagraidh re a shluagh. “Eishdibh a shleibhte, agus a bhunnaite laidir na talmhainn, conspoid an Tighearna; or ’ta conspoid ag an Tighearna re a shluagh, agus thagragh e re h Israel. O! mo shluagh! ciod e a rinn mi or-t, agus co leish a thuirshich mi thu, tog fia’naish a’m’ aghaidh, oir shaor agus thug mi ’mach ass an Egipt thu. &c. Mic. 6. 2. 3. 4. Cluinnibh a Fhlaitheasa, agus eishd a thallaimh; oir labhair an Tighearna. Dh’ oill agus thog mi Clann, agus chathaich iad a’m’ aghaidh. Is aithne do ’n damh a shealbhadoir, agus do ’n Assal Prassach a Thighearna; ach cho ’n aithne do Israel Mishe, agus cho smuaintich mo shluagh or-ms’. Och fhinneacha peacach, a shluaigh an-troim le h ea-coir, a shliochd luchd-uillc! &c. Jer. 1. 2——4. O! a dhaoine mi-glic agus ei-crionna, an dioll shibh commain an Tighearna mar sho: nach e t Athair a cheannaich thu? nach do chruthaich, agus nach do dhaingnich e thu? Deut. 32. 6.” An uair a chunnairc Triath na slainte gu do chuirr thu cul rish fein, gu d’ fhag thu e, agus gu roibh thu [TD 173] ag shealg nithe diom-buan saoghalta, leig e do mhi-ghliocas rish dut, agus ghairm e thu gu h obbair a bu tarbhaich, ag radh, “ciod air son a bhuillicheas tu t airgid air ni nach arran? agus do shaothair air ni nach sasaich? Eishd gu durachdach reumsa, agus ith an ni a ’ta maith, agus bitheadh tlachd ag t anam ann an reamhrachd. Claon do chluas agus thig chug-amsa; cluinn, agus mairridh t anam, agus ni mishe coimh-cheangal shioruidh reut, sheadh ghrasa daingeann Dhaibhidh. Jer. 55. 2. 3. Lorgaichibh an Tighearn’ am feadh ata e so-fhaghail, gairmibh air am feadh ata e am fogus. Treigeagh an droch-dhuin’ a shlighe, agus an duine mi-cheart a smuainte: agus pilleagh e chum an Tighearna, agus ni e trocair air, agus chum ar De-inne, oir bheirr e lan-mhaitheamhnas. Rann. 6. 7.” Agus an uair nach eishdeadh tu, nach d’ thug thu do ’n Tighearn’ abhar bith ag gearran or-t, agus coirre do leir-sgrioss fhagail ag t an-toilleileachd chrossanta fein? “bitheagh iongantas an-mor oir-ibh a neamha fa an ni sho, bitheagh eagal an-oilteil oir-ibh ars’ an Tighearna! oir chuirr mo shluagh-’sa da olc ann gniomh; threig iad mishe tobbar an uishge bheo, agus thochaill iad dhoibh- [TD 174] fein tobbar, tobbar brishte nach cum uishge. Jer. 2. 12, 13.” Is minnig a thug Criost cuirre saor dhut, ag radh, “thigeagh an neach air am bheill tart: agus glacadh gach neach leish an ail, uishge na beathaidh gu saor. Foil. 22. 17.” Ach ann diaigh gach tairgshe, thug shibh abhar do Chriost an gearran sho a dheanamh oir-ibh; “Cho tig iad chug-amsa, chum as gu faigh iad beatha. Join. 5. 40.” Thug e cuirre dhut chum fleadh nan naomh’ ann an rioghachd a ghraish: agus o nach roibh toill ag-at d’i, ghabh thu mar leith-sgeul, nach ceaddaicheadh t fhearrann, t eallach, agus do ghnothaiche saoghalta dhut geill a thoirt d’ a chuirre, agus mar sho, bhrosduich thu e chum feirg’, agus chuirr e roimh-e nach blaish thu a shuipper gu brath. Luc. 14. 15—25. Co anoish an coirreach, co ach thu fein? co is priomh-abhar do d’ leir-sgrioss, ach t an-toill cheannairceach? oir roighnich thu doll am mugha. Leig Criost fein rish a chuish gu h iom-lan, Sheanr. 1. 20—33. “Glaodhaidh an eagna ’mach; leigidh shi a guth amach anns na sraidibh. Glaodhaidh shi anns an ait a ’s mo tathaich, ann am fosgla nan geata: cuirridh shi a briathar ann ceill anns a chathair, ag radh. Cia fhadd a dhaoine shimplidh, a ghradhaich- [TD 175] eas shibh shimplidheachd? agus a bhitheas tlachd ag luchd-fannoid ann am fochaid, agus a bheirr luchd-ammaideachd fuath do ’n eolas? pillibh air m’ achmhusan; feachaibh, dortaidh mi mo bhriathara ’mach oir-ibh. Do bhridh gu do ghlaodh mi, agus gu do dhiult shibh, gu do shin mi amach mo lamh, agus nach d’ thug aon duine fa dearr. Ach chuirr shibh mo chomhairl’ uill’ ann neimh-bridh agus cho b’ ail leibh m’ achmhasan. Ni mishe fos gaire fa ar donnas: agus fannoid an uair a thig ar n eagal. An uair a thig ar n eagal mar leir-sgrioss, agus a thig ar mille mar iom-ghaoith; an uair a thig ar saracha agus ar teantach oir-ibh. Ann shin gairmidh iad or-msa, ach cho fhreagair mi: iarraidh iad mi gu moch, ach cho n fhaigh iad mi. Do bhridh gu d’ thug iad fuath do ’n eolas, agus nach do roighnich iad eagal an Tighearna. Cho b’ ail leo smidd do mo chomhairle, rinn iad di-meass air m’ achmhasan uille. Uim-e-shin ithidh iad do thorra an slighe fein, agus lionar iad le an aish-inleachdaibh fein. Oir cosgraidh cuil-sleamhnacha dhaoine simplidh iad, agus sgriossaidh sonnas luchd-ammaideachd iad. Ach cia b’ e dh’ eishdeas reumsa, is daingeann a chomhnuidh, agus suaimhneach o eagal an [TD 176] uilc.” B’ iom-chuidh leam an teagasg sho a churr ann ceill dibh gu h iom-lan, do bhridh gu leig e rish lan-abhar leir-sgrioss luchd-aingidheachd. Cho sgriossar iad do bhridh nach do theagaishg Dia iad, ach do bhridh nach do ghabh iad foghlam. Cho teid iad am mugha do bhridh nach do ghairm Dia iad, ach do bhridh nach do phill iad air impidh. Is i an an-toill fein fior-abhar an dorainn. FEIM. O na briatharaibh a labhradh r’ibh, foghlamaibh os-barr na nithe sho a leannas. 1. Uaidh-e sho chi shibh, nach Dia-mhasla agus ain-diadhachd amhain, Dia a choirreachagh air son leir-sgrioss dhaoin’ aingidh; ach mar an ceadna, gur mio-natur’ an ni do luchd-aingidheachd a chassaid sho a churr air an cruthai-fhear. Glaodhaidh iad gu gearrannach, ag radh, nach d’ thug Dia gras doibh, gu bheill a bhagra borb, agus nar leigeadh Dia gu leir-sgriossar gach duine neimh-iompoichte agus mio-naomhaichte; agus is cruaidh an gnothach leo gu smachdaichir peaca diom-buan le dioghaltas bioth-bhuan; agus is caint doibh ma theid iad am mugha, nach fead iad a leassachadh: [TD 177] an uair is shior-obbair dhoibh bith ag cosgragh an anama, agus cho chum iad an lamha o ’n leir-sgrioss fein air impidh Dhe no dhaoine. Saoilidh iad gur neimh-iochd-mhor an ni do Dhia an leir-sgriossadh, gidheadh, ’ta iad co’-ain-iochd-mhor dhoibh fein, as gu ruidh iad gu dian chum ifrionn; giodh d’ innish Dia dhoibh nach bheill i ach ro ghairrid uath-a, gidheadh, cho chuirr impidh, gealla, no bagra stadd orr-a. Chi shinn gur beag nach bheill iad lain-mhilte: ’ta am beatha neamh-churamach, fheol-mhor, shaoghalt’, ag dearbhadh gu bheill iad fa chumhachd an diabhoil; ’ta fioss ag-ainn ma thig bas orr-a roimh iompocha, nach fead an saoghal gu leir an teassairginn; agus do bhridh neimh-chint am beathaidh, is abhar eagail gach la gu tuitt iad ann an teinne na dorainn. Air an abhar shin ’ta shinn ag guidheadh, gu durachdach ag guidheadh orr-a, truadhas a ghabhail d’ an anamaibh, agus gun iad fein a mhilleagh an uair ata trocair dluth dhoibh; agus cho ’n eishd iad r’inn. Ata shinn ag earrallachadh orr-a am peac’ a threigshinn, agus ruidh chum Chriost gun dail, agus cail-eigin do thruadhas a ghabhail diu fein; ach cho chuirr iad tiom-chroidhe no trocair ann gniomh. Gidheadh, saoilidh iad gur neimh-iochd-mhor an ni do Dhia am milleadh gu shio- [TD 178] ruidh. Och a thruaghana an-toilleil peacach! cho ’n e Dia ata ain-iochd-mhor dh’ibh, ach shibh-fein. Fhuair shibh fioss gur eigin d’ibh pilleadh i no losgadh gu shioruidh, ach cho phill shibh. Fhuair shibh fioss ma ghleidheas shibh peaca, gu gleidh shibh mallachd Dhe leish; gidheadh, gleidhidh shibh e. Fhuair shibh fioss nach bheill slighe chum sonnaish ach slighe na naomhachd, gidheadh, cho bhith shibh naomha. Ciod eille b’ ail leibh Dia a radh ribh? ciod eille b’ ail leibh e a dheanamh r’a throcair? thairg e dh’ibh i, agus dhiult shibh i. Ata shibh ann an doimhne peacaidh agus ann an cuntart dorainn, agus shin Dia amach dh’ibh a lamh thearmainn, gidheadh, dhiult shibh a chuiddeacha. Ghlannagh e dh’ibh sall peacaidh, ach is fearr leibh oir-ibh e. Is ionmhuinn leibh ar n ain-mianna, craoss, mishg agus macnas, agus cho treig shibh iad. Am b’ ail leibh gu giulaineadh Dia chum neamha shibh d’ ar n ain-deon? no am b’ ail leibh gu togagh e shibh-fein agus ar peaca chum neamha le cheile? is ni sho co’-dho-dheanta re h iompocha na greine gu dorchadas. An saoil shibh gu fosgailir na neamha fior-ghlan, do ’n anam neamh-ghlan mhio-naomha! cho ’n fhosgailir gu brath, do ni neimh-ghlan air bith, Foils- 21. 27. “Oir ciod e an com- [TD 179] munn a bhitheas ag sollas re dorchadas, no ag Criost re belial? 2. Cor. 6. 14. 15.” Ciod anoish a ni shibh? an glaodh shibh air trocair o Dhia? ciod air son? ghlaodh Dia r’ibh trocair a dheanamh oir-ibh-fein, ach cho do rinn. Chi luchd teagaishg cup na mi-cheille, deoch mhillidh coirp agus anama, ann an laimh fir-mishge, glaodhaidh iad rish iochd a dheanamh air fein, agus gun an cup a churr r’ a bheal; ach cuirridh e r’a bheal e, oir is toigh leish e, agus olaidh she ass e, giodh do rachagh ifrionn shios leish; gun leith-sgeul air bith ach nach fead e a leassachadh. Ciod e dh’ fheadas neach a radh re a leithid shin do dhuine? teagaishgidh shinn do thruaghanaibh ain-diadhaidh, neamh-churamach, agus an-saoghalta, “Nach dean a leithid sho do ghiulan an gnothach, agus nach toir e chum nam flaitheasa gu brath iad. Nam bitheadh beithir mhilteach ann toir oir-ibh nach luathaicheadh shibh ar ceim? ach giodh ’ta mallachd Dhe, agus an diabhol, agus ifrionn an toir oir-ibh, cho ghluaish shibh, ach cuirridh shibh mar cheist, ciod air son a ghreassad? am bheill an t anam neamh-bhas-mhor coi’-neamh-luach-mhor as sho ann ar barr’ail? O! deanaibh iochd oir-ibh fein!” ach cho toir iad fa dearr shinn, agus cho [TD 180] ghabh iad truadhas air bith dhiu fein. Teagaishgidh shinn doibh gur shearbh an crioch; oir co is urra comhnaidh a ghabhail anns an teinne shioruidh? gidheadh, cho truagh leo iad fein. Agus an abbair na truaghana mio-narach shin, gu bheill Dia ni ’s trocairich gu mor, na gu leir-sgrioss she iad. An uair is iad fein a ’ta gu h an-dana, ain-iochd-mhor, ag ruidh chum leir-sgrioss. Giodh do rigeamaid iad ceann-ruishgte, agus giodh do chuirreamaid impidh orr-a air ar gluna lubta, cho ’n urra shinn a churr stadd orr-a; ach chum ifrionn is ail leo doll, gidheadh, cho chreidd iad gur i is ceann-uighe dhoibh, gus an tuitt iad int-e bonn os ceann. Giodh do ghuidheas shinn orr-a air ghaol an De a chruthaich agus a choimhid iad; air ghaol Chriost a bhasaich air an son; agus air ghaol an anama bochd; truadhas a ghabhail diu fein; gun doll ni ’s faidd’ air an t slighe chum ifrionn; ach pilleadh re Criost, am feadh ata a lamha shinte d’ an glacail gu failteach; toisheachagh air beatha nuadh, am feadh ata Dorras nan grasa fosgailte; agus trocair a ghabhail anoish, am feadh ata trocair so-fhaghail: giodh do ghuidheas shinn sho orr-a cho ’n atharraich ar n impidh iad. Giodh b’ ionnann leinn e ’s am bas, cho ’n urra shinn a thoirt orr-a, sheadh, smuainteachadh [TD 181] air an cuntart, agus ni a ’s lugha gu mor na shin pilleagh uaidh-e. Gidheadh, is urrus leo a radh, “’Ta duil ag-ainn gu bith Dia trocaireach.” Ach an do smuaintich shibh riamh gu dubhairt e, Isa. 27. 11. “is sluagh gun tuigsh’ air bith iad; uim-e-shin cho dean an ti a chruthaich iad trocair orr-a; agus cho taishbinn an ti a dhealbh iad geann-maith dhoibh.” Mur sgeaddaich neach eille shibh air bith dh’ibh lom-nochta, mur beathaich e shibh air bith dh’ibh ocrach: ma thilgeas e ann an gainn-tir, ma bhuaileas, agus ma chloidheas e shibh; nach abbair shibh gur duine gun iochd e? gidheadh’ ni shibh a mhile uirrid sho oir-ibh fein, tilgidh shibh uai-bh ar n anama agus ar corpa gu shioruidh, ach cho ghearrain shibh ar n ain-iochd fein gu brath. Sheadh, ach is eigin, (mar a shaoileas shibh) gur ain-iochd-mhor an Dia a dh’ fhuirrich r’ibh gu trocaireach gus anoish, ma smachdaicheas e shibh fa dheirre. Mur toir an Dia fior-ghlan commas do na truaghanaibh traileil sho saltradh le di-meass air fuill a Mhic, agus mar na h iudhuighe bith ag caitheadh smuga ann a cadan; bith ag deanamh tailcish air Spiorad nan grasa; fannoid air peaca, agus maga air naomhachd; bith ag deanamh tuille di meish air trocair shlainteil, na air sall an ain-mianna feol- [TD 182] mhor; agus ann a dhiaigh sho uille, mur teassairgir iad leish an trocair a dhiult iad, agus nach b’ ail leo, cho ’n abbair iad ach ain-tighearna gun iochd re Dia fein. Ach is e sin am breitheamh co’-thromach, a thomhaisheas gniomhara air meidh a cheartaish neamh-acarraich; giodh nach cliudhaichir e ann an lathair cathair breitheamhnaish nan truaghana tair’eil shin. Is aithne dhomh iommad gearran sonraicht’ a ni daoine neimh-iompoicht’ air an Tighearna, ach cho ’n fhuirrich mi r’ am freagradh gu sonraicht’, oir thilg mi bonn os ceann iad, ann mo leabhar air breitheamhnas, agus leaghadh iad e. Nam bitheadh luchd-conspoid an t saoghail, co’-churamach a sheachnadh peacaidh agus leir-sgrioss, as a bha iad dicheallach a ransachagh abhar na dorainn, agus d’ a leith-thilgeil mar chunnuil air Dia, chuirreagh iad an gear-chuish ann gniomh air modh a bu tarbhaich dhoibh fein, agus dheanagh iad ea-coir a bu lugha air an Tighearna. An uair ata Torathair co’-ghraineil re peaca ann-ainn, dioghaltas an-trom ann toir air ar n anama, agus ifrionn ag fosgladh gu h uabhasach d’ar slugadh beo; shaoileadh neach gu bu cheist shoillear, shoi-fhreagraidh, co an coirreach? an e Dia, no an duine priomh-abhar ciontach na dor- [TD 183] ainn shin? is luchd breitheamhnaish co’-chairdeil dhoibh-fein cuidd dhaoine, as gur ussa leo gearran a dheanamh, sheadh, air maitheas neimh-chriochnaidheach lan-fhoirfidh, na air an anama mi-bheasach fein; is teomadh leo aithrish a dheanamh air an ceid-shinshireachd a dubhairt re Dia, “mheall an nathair mi agus dh’ith mi. Agus a bhean a fhuair mi uai-t fein, thug i dhomh, agus dh’ ith mi.” Mar sho dh’ fhag Adhamh agus Ebhe gu cealgach coirre an ceannairc ag Dia fein. Agus mar an ceadna ars’ an sliochd neimh-iompoichte, re Dia, “’Ta an t eolas a thug thu dhuinn neamh-fhoghainteach a thuigshinn ar leass; ’ta an toill a fhuair shinn uai-t neamh-fhoghainteach a roighneachadh ar sonnaish; ’ta na cuspoire leish an do chuartaich thu shinn, ag mealladh fuirreachraish ar n anama d’ an ionsuidh fein; agus ’ta am buaireas d’ an do cheaddaich thu ionsuidh a thoirt oir-’n, ag toirt buaidh.” Ann aon fhocall, giodh do chruthaich Dia an duin’ ann an inbhe beagan a ’s ishle na inbhe nan aingle, gidheadh, cho toillich inbh’ air bith an duin’ aingidh, a ’s ishle na lan-fhoirfidheachd an Uillea-chumhachdaich! [TD 184] CUNNUIL. “Cho ’n urra shinn shinn-fein iompochadh; cho ’n iompoichir gu brath shinn, mur iompoich Dia shinn; cho ’n urra shinn gne a dheanamh gun ghras De: ni bheill an togha o an ti leish an ail, no o an ti a ruidheas, ach o Dhia a ni trocair.” FREAGRA. ’Ta da ghne throcair ag Dia, r’an taishbineadh: trocair an iompochaidh; agus trocair an t slanachaidh; agus cho toir e trocair na slainte chailte, ach amhain do ’n dream leish an ail i, agus a ruidheas d’a h ionsuidh; oir gheall e i dhoibh-’sin, agus dhoibh-’sin amhain. Ni trocair an iompochaidh deonach daoine mi-dheonach; agus giodh nach airridh air toill agus ar dicheall fein air gras sho Dhe; gidheadh, ’ta ar diulta toilleil ag toiltinn nach toirir dh’ibh e. Is i ar mio-thoill fein ar neamh-chommas, agus cho ghabh i leith-sgeul ar peacaidh, ach an-tromaichidh shi e. B’ urrus d’ibh pilleadh nam b’ ail leibh; agus ma ’ta ar toill co’-thruailte, as nach fead ni air bith [TD 185] ach grass foghainteach Dhe ar n iompochadh, is moid’ ar n abhar an gras sho iarraidh, aontachadh leish, meadhona nan gras’ a ghnathachadh do reir ar commaish, gun an dearmad, agus gun chathachadh ’n an aghaidh. Deanaibh an ni a ’s fearr a ’ta ann ar commas, agus ann shin gearrainibh ma bitheas abhar ag-aibh, gu do dhiult Dia a ghras d’ibh. CUNNUIL. “Is cosmhuil gu b’ ail leat a radh fadd na h Uine sho, gu bheill saor-thoill ag an duine.” FREAGRA. Gun dragh a churr oir-ibh le conspoid dho-thuigshinn mu an t saor-thoill; toillicheadh sho shibh, iodhon, gu bheill saor-thoill ag-aibh, no commas na nithe shin a ’s taitneach leibh a roighneachadh, agus na nithe shin a ’s mio-thaitneach leibh a dhiultadh. Mothaichidh gach duin’ an commas sho ann fein. Ach gu truagh! o an-barr ar neamh-churaim is tric leinn gu gabh shinn ar leass ann riochd ar n aimh-leish, agus gur mio-thaitneach leinn e, agus gu diult shinn e: agus [TD 186] gu gabh shinn ar n aimh-leass ann riochd ar leass, agus gu taittinn e r’inn, agus gu roighnich shinn e. Anoish nach feimeil an neamh-churam sho air smachd o Dhia, d’ ar mosgladh; agus ma dhiultas shinn mosgladh gu brath, nach do thoill shinn gu buanaichir an smachd gu shioruidh? abraibh gu bheill namhad mio-runach ag-aibh, a bheirr ionsuidh mhilteach oir-ibh-fein gach uair a tharlas shibh air, agus a chosgras ar clann gus am bith fuill an croidh’ ag smuidrich air faobhar a chuidd arm’! an gabh shibh a chaint sho uaidh-e mar leith-sgeul, “och cho roibh saor-thoill ag-am, is e sho mo natur; cho ’n fhead mi maith a roighneachadh mur toir Dia gras domh?” an gabh shibh a leithid sho do leith-sgeul o sgolloig a ghoiddeas ar maoin shaoghalta? an cum an leith-sgeul sho luchd muirt agus meirle o ’n chroich? mur cum, an saoil shibh gu saor e shibhs’ o dhioghaltas an Uillea-chumhachdaich air an do rinn shibh shir-cheannairc an-dana? 2. Uaidh sho thug-aibh fa dearr na tri nithe shin. 1. Cia aish-inleachdach am buaired-fhear an diabhol. 2. Cia cealgach an ni am peaca. 3. Cia ammaideach an creatuir an duine truailte. Is aish-inleachdach am buaired-fhear an dia- [TD 187] bhol do rireadh, cuirridh e impidh air moran triall chum an teinne shioruidh gu deonach, ann aghaidh gach earrail agus comhairl’ a gheibh iad d’an congbhail uaidh e. Is ni mealtach am peaca gu dimhinn, cuirridh e droidheachd air na milte, chum sonnas shioruidh a churr ann geall neimh-ni! is ammaideach an creatuir an duine gu dearbh, o am meallar beatha bhioth-bhuan le fhioss, air ni ro shuarrach; sheadh, agus le namhad air am bheill e lain-eolach. Shaoileadh tu gu bu ni doi-dheanta do dhuine glic air bith, air impidh a naimhde gu leir, ann geall beagain, e-fein a thilgeil ann an teinne, ann an uishge, no ann an slochd guail, chum a leir-sgrioss: gidheadh, ’ta daoine so-aomaidh le h impidh an diabhoil chum iad fein a thilgeil ann an ifrionn. Nam bitheagh ar saoghal ann ar lamhaibh fein; as gu feadadh shibh bith beo gus am milleadh shibh shibh-fein; cia fhadd a mhairreadh shibh air tallamh? ach giodh ’ta ar beatha bhioth-bhuan comh-mhor ann ar lamhaibh fein, fa Dhia, as nach millir shibh gu shioruidh, gus am mill shibh shibh-fein; gidheadh, cia tearc iad a chongbhas an lamha o an leir-sgrioss fein? anoish, cia h inleachdach an diabhol, cia truaillidh an duine, agus cia mealtach droidh’eil am peaca? [TD 188] 3. Tuigibh uaidh sho mar an ceadna, nach mor an t abhar iongantaish ma bhacas daoin’ aingidh, daoin’ eill’ o thriall air an t slighe chum nam flaitheasa; ma ’s ail leo coimh-lion neach a bhith neimh-iompoichte ’s is urr’ iad; ma bu mhaith leo moran a tharraing chum peacaidh agus an glassagh ann! am fead shibh duil a bhith ag-aibh gu dean iad iochd air daoin’ eill’ an uair nach dean iad iochd orr-a fein? an saoil shibh gu sheass iad air leir-sgrioss dhaoin’ eille, an uair nach sheass iad air an leir-sgrioss fein? cho mheassa do dhaoinibh eill’ iad na dhoibh-fein. 4. Fa dheoigh, foghlamaibh uaidh sho, gur e ard-namhad an duine neimh-iompoichte e-fein; gur e dioghaltas a ’s mo a nithir air anns an t saoghal sho, fhag’ail dh’a fein; gur i mor-obbair graish Dhe a theassairginn uaidh-fein; gur coir d’a ghearran, agus d’a ard-chassoid bith air fein, do bhridh nach bheill obbair a ’s deacaire aig-e na curr ann a aghaidh fein; no namhad a ’s mo aig-e, na a chroidhe ain-miannach agus an-toill aingidh, re h urnaigh a dheanamh ’n an aghaidh gu durachdach, agus re gleac spairn’eil a chongbhail reu gach la. Tuigibh ma b’ ail leibh maith a dheanamh air daoin’ eille, agus an cuiddeachadh chum neamha, gur e cruadh-chas a ’s [TD 189] mo a ’ta ag-aibh anns an obbair sho, an teassairginn uath-a fein, o an daill’ intinn, o an an-toill thruaillidh, o an ain-miannaibh do-theagaishg, o am buaireas brass agus mi-riaghaileach. Dh’ ainmnich mi na nithe shin, amhain, chum as nach cuirrinn sgitheas oir-ibh, agus fagaidh mi d’ ar smuaintibh fein iad. Anoish a dhaoine, ransaich shinn amach na ciontaich mhor shin, luchd millidh an anama, iodhon, daoine fein, agus an an-toill aingidh; agus ciod e anoish a nithir reu, ach breith a thoirt orr-a do reir an dearbhaidh a ’ta ag-aibh air am mio-runn mhilteach; agus earrallachadh orr-a an aingidheachd dhorainneach sho aidmheachadh ann an lathair an Tighearna, iad-fein uir-ishleachadh air a son, agus gun a curr ann gniomh tuille gu brath. Rish na tri ceannaibh sonraichte shin cuirridh mi beagan eille. 1. Chum impidh a churr oir-ibh. 2. D’ ar n uir-ishleachadh. 3. D’ ar n aith-leassachadh, ma ’s ionn domh duil a bhith ag-am gur urra mi shin a dheanamh. 1. Is aithne dhuinn uirrid do natur ro ghras-mhor an Tighearn’ a ’ta toilleach maith a dheanamh agus trocair a thaishbineadh; as nach bheill [TD 190] abhar ag-ainn a churr ann umhail gur e abhar ciontach ar dorainn, no a radh gu bheill e neimh-iochd-mhor: oir is e ughdar gach maitheish, agus Dia tearmainn nan uille: congbhaidh e suas iad le h uillea-chumhachd, riaghlaichidh she iad le gliocas gun mhearrachd, agus altromaidh she iad le maitheas nach traogh: “’Ta suile gach duil’ air bith ag feitheamh ar, agus bheirr e bia dhoibh ann an am iom-chuidh, fosglaidh she a lamh fhial, agus sasaichidh she ciocras nan uille nithe beo. ’Ta e ceart ann a uille shlighibh, agus naomha ann a uille ghniomharaibh. Sal. 145. 15.—17. ’Ta e Maith mar an ceadna do na h uillibh; agus ’ta a chaomh-throcair os ceann uille ghniomhara. Sal. 155. 17.” Uaidh sho chi shibh nach e Dia ughdar peacaidh no mi-cheartaish. Ach mar a bhuinneas do ’n duine, is ni soillear gu bheill intinn dorch, a thoill crosta, agus ain-mianna ag tilgeil a shonnaish bonn os cean; ’ta e cuimshichte re h obbair a leir-sgrioss fein, le h ammaideachd agus le truaillidheachd. Nam faiceadh shibh uan marbh air an t slighe, co dhiu a choirricheadh shibh mar ughdar a mhillidh, a chaor, no an sheannach, air bith dhoibh mar-aon ag sheassamh dluth dh’a? ma chi shibh tigh brishte [TD 191] agus an teaghlach milte, an luaith’ a shaoileadh shibh gur e an Riogh no am breitheamh glic agus co’-thromach, ag nach roibh feim air am maoin, a mhill iad; no am meirleach ladron? air an abhar shin arsa Sheumus, 1. 13—15. “Na h abradh aon neach an uair a bhuairir e, gu bheill e buairte le Dia; oir cho ’n fheadar Dia a bhuaireadh le h olc, ni mo a bhuaireas e aon neach. Ach ’ta gach aon neach buairte, an uair a thairngir agus a mheallar e le ain-miannaibh fein. Ann a dhiaigh shin, an uair a ghabhas ain-miann toircheas, beirridh shi peaca; agus an uair a chriochnaichir am peaca, beirridh she bas.” Chi shibh ann sho gur e am peaca garlach ar n ain-mianna fein, agus nach coir ainmneachadh air Dia mar gu b’ e a b’ Athair dh’a; agus gur e am bas iarmud ar peacaidh fein, agus an torra shin a thilgeas e dh’ibh air bith dh’ a abbaidh. Mar ata neimh anns an damhan-alla, ’ta ionmhas an uilc ann-aibh-fein, o an ginnir ar leir-sgrioss; agus o an sniomhar lionta ar dorainn. Is ni soillear gur e ar natur fein fior-abhar ar truaighe. 2. Is ni soillear gur shibh-fein is luchd millidh d’ ar n anamaibh, o ’ta shibh co’-obbann a ghabhail rish gach gne bhuaireish, ach beag, a thair- [TD 192] gir dh’ibh. Is gann ata an diabhol co’-ullamh d’ ar brosdachadh chum uilc, as ata shibh-fein a thoirt eishdeachd dh’a, agus a dheanamh mar is ail leish. Ma buaireas e shibh gu mio-bharr’aile sheachranach, geillidh shibh. Ma bhacas e dh’ibh deagh run, ’ta sho soi-dheanta. Nam fuaraicheagh e ar deagh mhianna, cho ’n e shin a ’s doi-dheanta. Nam b’ ail leish ar n ain-mianna grana fhaddadh, ta iad so-lasta. Nam b’ ail leish ar brosdachadh gu smuain, gniomh, no giulan droch-mhunta, ’ta shibh easgaidh, cho ’n fheim shibh slatt no sporr. Nam bacagh e shibh o smuain, o ghniomh, no giulan naomha; is beag a ni shin, cho ’n fheim shibh sparrag. Cho sgrud shibh a chogar aimh-leassach, cho chuirr shibh cul rish mar a chuirreas e ann ceill e, agus cho mhuch shibh sradd an uilc a sheideas an diabhol ann-aibh: ach aomaidh shibh leish, bheirr shibh comh-dhail dh’a ann am meadhon slighe, ghabhaidh shibh a chomhairle, agus brosdachaidh shibh e d’ar buaireadh. Is urrus iasg coimh-chiocrach r’ibh a ghlacadh; iasg a ruidheas ag iarraidh loin, agus a ghlacas an dubhan lom, mur tachair bia a ’s fearr air. 3. Is ni soillear gu bheill ar leir-sgrioss uaibh-fein, o a chuirreas shibh an aghaidh gach ni agus [TD 193] neach a chuiddicheas leibh, a theassairgeas shibh, a ni maith oir-ibh, no a bhacas ar dorainn. Chuiddicheadh Dia leibh, theassairgeagh e shibh le fhocall, ach cuirridh shibh ann a aghaidh, oir is ro theann leibh iartas. Naomhaicheagh e shibh le a Spiorad, ach cuirridh shibh ann a aghaidh, agus muchaidh shibh a chomhairle. Ma bheirr neach air bith dh’ibh achmhusan air son peacaidh, bheirr shibh an-chaint dh’a; agus ma b’ ail leish ar n iompochadh gu beatha naomha, agus fioss ar cuntairt a thoirt d’ibh, bheirr shibh ro bheagan buidheachaish d’a, ag radh, “Gabhsa curam maith do d’ leass fein, oir cho fhreagair thu air ar son-’ne.” No air a chuidd a ’s lugha, cuirridh shibh bhar ar n eadain e le buidheachas mio-chroidh’eil, ach cho phill shibh ar impidh. Giodh do bheirreagh luchd teagaishg muna diamhair mar chuiddeacha, cho tig shibh d’ an ionsuidh; cho mhothaich ar n anama diblidh feim ac-a fein air cuiddeacha. Nan ceasnaicheagh iad shibh, ’ta shibh ro sheann r’ar ceasnachadh, giodh nach bheill shibh ro sheann chum bith ain-eolach agus mio-naomha. Cia b’ e ni a ’s urr’ iad a radh r’ibh chum ar leass, ’ta shibh coimh-fhein-speisheil, agus ghlic ann ar barr’ailibh fein; sheadh, ann an doimhne ar ’n ain-eolaish, as nach toir [TD 194] shibh feart air aon ni nach cord r’ar barr’ailibh mearrachdach, ach cuirridh shibh ann an aghaidh ar luchd teagaishg, mar gu bu ghlice shibh-fein na iad; cuirridh shibh ann an aghaidh gach ni a ’s urr’ iad a radh r’ibh, le ar n ain-eolas, ar n an-toilleileachd, ar conspoid ammaideach, ar leith-sgeulaibh fann, agus ar diulta mi-reasonta; agus cho ghabh shibh gu failteach re maith air bith a thairgir dh’ibh. 4. Os-barr is ni leor-shoillear gur luchd fein-sgrioss shibh; oir tharraing shibh abhar ar leir-sgrioss, sheadh, o an Dia uille-bheannaichte fein. Cho chord inleachd a ghliocaish r’ibh. Cho chord a cheartas r’ibh, ach meassaidh shibh e mar ain-iochd. Cho chord a naomhachd r’ibh, ach is ullamh leibh a smuainteachadh gur cosmhuil r’ibh-fein e, agus gu bheill e co’-shuarrach mu pheaca r’ibh-fein. Cho chord fhirinn r’ibh, ach saolidh shibh gur breagach a bhagra, sheadh, a bhagra aird-thighearnail, no ard-ughdarach. Giodh do shaoileadh neach gu bheill meass ard-urramach ag-aibh air a mhaitheas, gidheadh, mio-ghnathaichidh shibh e ann an cail-eigin, a neartachadh ar peacaidh, mar gu bu leith-sgeul peacaidh d’hibh, gu bheill Dia trocaireach, agus saibhir pailt ann an gras. [TD 195] 5. Sheadh, bheirr shibh leir-sgrioss o an Fhear-shaoraidh bheannaichte, agus bas shioruidh o thriath na beathaidh bioth-bhuain. Ni bheill abhar mishnich a ’s mo ag-aibh chum peac’ a churr ann gniomh, na gu do bhasaich Criost air ar son; mar gu rachadh cuntart baish shioruidh sheach, agus air an abhar shin gur tearuinte dh’ibh peacachadh le danadas: mar gu bu traill Criost do ’n diabhol, agus d’ ar peacaibhs’, agus mar gu b’ eigin d’a feitheamh oir-ibh am feadh a bheirr shibh obbair dh’a; agus do bhridh gur e leigh an anama, agus gu bheill commas aig-e an dream shin uill’ a theassairginn gu h iom-lan a thig chum Dhe d’a thrid, saoilidh shibh gur eigin d’a a cheaddachadh dh’ibh a chuiddeacha a dhiultadh; gur eigin d’a a chungaidh-leighish a mhio-bhuilleachadh oir-ibh; agus saoilidh shibh gur eigin d’a ar teassairginn giodh nach tig shibh chum Dhe d’a thrid; mar sho, is e an t earbs’ an-dan’ a ni shibh ass bas Chriost, a ’s abhar do chuidd mhoir d’ ar peaca. Cho smuaintich shibh gu d’ thainig Criost, a shaoragh a shluaigh o am peacaibh agus d’ an naomhachadh mar shluagh sonraichte dh’a fein, agus d’an cummagh ann an naomhachd re h iomhaigh an Athair neamhaidh, agus an ceann-aird. Mat. 1. [TD 196] 21. Tit. 2. 14. 1 Pead. 1. 15. 16. Col. 3. 10, 11. Phil. 3. 9. 10. 6. Mar an ceadna, bheirr shibh ar dorainn fein o fhreasdal agus o oibribh De. An uair a smuainticheas shibh air reimh-eolas agus ordocha shioruidh Dhe, is ann d’ar cruadhachadh fein ann am peaca, no a lionagh ar n anama le smuaintibh conspoideach, mar gu bu choir do ordocha De saothair ar n aithreachaish agus ar giulain naoimh’ a chaomhnadh, no, mar gu b’ e abhar ar peacaidh, agus ar leir-sgrioss. Ma smachdaicheas e shibh is ard ar gearran; ma shoirbhicheas e leibh, is moid’ a dhio-chuimhnicheas shibh e, agus is lughaid a smuainticheas shibh air a bheathaidh a ’ta chum teachd. Ma shoirbhicheas luchd-aingidheachd, dio-chuimhnichidh shibh a chrioch a leigeas rish gliocas agus ceartas freasdail De; agus is ullamh leibh a smuainteachadh gur comh-mhaith bith aingidh agus diadhaidh. Agus mar sho bheirr shibh ar bas shioruidh fein o gach ni. 7. Agus bheirr shibh an leir-sgrioss ceadna o chreatuiribh agus o throcair ar De. Thug e dh’ibh a chreatuire mar chomhar a ghraidh, agus mar chungaidh chum umhlachd a thoirt d’a fein, ach gnathaichidh shibh iad ann aghaidh iar- [TD 197] taish chum ar n ain-mianna feol-mhor fein a shasachadh. Ithidh agus olaidh shibh chum cosg n ocraish agus ar n iotaidh, ach cho ’n ann chum gloir Dhe, agus d’ ar deanamh neart-mhor ann a obbair. Mio-ghnathaichidh shibh ar truscana chum spors. Tairngidh ar saibhreas ar n anama o neamh. Seididh ar n urram agus ar deagh-alla suas shibh le h uaill. Ni an neart agus an t slaint’ a mheallas shibh, neamh-churamach dearmadach shibh mu ar crich. Sheadh, mio-ghnathaichidh shibh trocair dhaoin’ eille, chum ar dochair fein. Ma chi shibh an urram agus am mor-luach, brosdaichidh sho ar tnuth agus ar farmad. Ma chi shibh an saibhreas is ullamh leibh a shantachadh. Ma dhearcas shibh air breadhachd stuamadh, mosglaidh sho ar togra neimh-gheanmnaidh. Agus is maith an ni mur droch-cord shealla do ’n diadhachd fein re ar radharc. 8. Iompoichidh shibh gu peaca, na deagh thiolacta shin a bhuillich Dia oir-ibh, agus meadhona shin nan gras’ a dheassaich she d’a eaglaish. Ma ’ta ceatfadh agaibh a ’s luach-mhoire na ata ag daoin’ eille, fasaidh shibh uallach fein-speisheil: mur bheill ag-aibh ach tiolacta coitcheann, meassaidh shibh iad mar ghrasa sonraichte. Meassaidh shibh eishdeachd ar dleasdanaish mar dheagh ob- [TD 198] bair a ghabhas ar leith-sgeul, giodh nach cuirr shibh ar dleasdanas ann gniomh. Iompoichir ar n urnaigh gu peaca, do bhridh gu toir shibh speish do ’n ea-coir ann ar croidhibh, Sal. 66. 18. Agus do bhridh nach triall shibh o ea-coir an uair a ghairmeas shibh air ainm an Tighearna, 2. Tim. 2. 22. ’Ta ar n urnaighe graineil, do bhridh gu ’n aom shibh ar cluas o eishdeachd an reachd, Shean. 28. 9. Agus do bhridh gur deishe leibh iobhairt nan ammadan’ a thoirt do Dhia, na eishdeachd agus geill a thoirt d’a fhocall. Eccle. 5. 1. Cho cheasnaich shibh shibh-fein, roimh ghabhail suippeir an Tighearna, ach do bhridh nach dean shibh aithn’ air corp an Tighearna, ithidh agus olaidh shibh breitheamhnas d’ibh-fein. 1. Cor. 11. 28, 29. 9. Sheadh, ni shibh fath peacaidh agus leir-sgrioss do ’n Dream rish am bith ar co’-luadar, agus d’ an gniomharaibh. Ma bhitheas eagal De orr-a, is beag oir-ibh iad. Ma bhitheas iad ain-diadhaidh leannaidh shibh an ceime. Ma ’ta luchd-aingidheachd lion-mhor, saoilidh shibh gur tearuinte dh’ibh an leanmhuinn le danadas. Ma ’ta daoine diadhaidh annamh is moid’ a ni shibh do dhi-meass orr-a le danadas. Ma ghluaisheas iad gu direach saoilidh shibh gu bheill [TD 199] iad ro fhaicilleach thearuinte; ma thuitteas neach dhiu ann am buaireas sonraichte, tuishlidh shibh air a mhuinn, agus pillidh shibh o naomhachd do bhridh gu bheill daoin’ eille neamh-iom-lan ann an naomhachd: mar gu bu bharrantas laghail dh’ibh shibh-fein a churr ass a mhuinneal do bhridh gu do chuirr daoine neamh-fhaicilleach iad fein ass na h altaibh. Ma leigeas am fuar-chrabhach rish e-fein, is caint d’ibh gur ionnann doibh uille, agus meassaidh shibh gu bheill shibh-fein coimh-ionraic rish an dream a ’s fearr dhiu. Ma gheibh an duine crabhach an tuishle a ’s lugha, ma ghearras e a mhear, bheirr sho mishneach dh’ibh ar slugan fein a ghearradh. Ma labhras luchd teagaishg r’ibh gu soillear saor, is caint d’ibh gu do throdd iad r’ibh. Ma labhras iad r’ibh gu macanta ciuin, no gu fuar-chainteach, an darra cuidd coidlidh shibh, no cho mho a dhruthas an teagasg oir-ibh, na air an stol air an suidh shibh. Ma shnaigeas mearrachd do ’n eaglaish, sluigidh shibh e gu ciocrach, agus dididh cuidd eill’ an teagasg criostuidh, air son an iomroill shin, giodh ’ta an soisgeul gu h iom-lan ann a aghaidh. Agus ma b’ ail le luchd teagaishg ar tarraing o mhearrachd sheann air bith, ag nach bheill mar bharrantas ach gu do fhreamhaich e fadd iom- [TD 200] mad linn ann an cleachdainn dhaoine, ’ta shibh coimh-diomach an uair a chomhairlicheas iad d’ibh a leassachadh, agus cul a churr rish, as giodh do bhitheagh ar n anama agus ar sonnas ann earbsadh rish, agus leannaidh shibh gu teann re sheann mhearrachd, an uair is ard a chluinnir ar glaodh gearranach ann aghaidh mearrachd nuaidh. Is tearc conspoid a tharlas am measg luchd teagaishg an t soisgeil, nach tarraing shibh ar bas fein uaip-e. Cho toir shibh eishdeachd, no air a chuidd a ’s lugha, cho toir shibh geill, sheadh, do theagasg fior-ghlan an fhir nach coimh-shin r’ibh ann am barr’ailibh: ’ta neach nach eishd re fear teagaishg do bhridh gu leagh e a shearmoin, agus neach eille nach eishd rish do bhridh nach leagh e i. ’Ta neach nach eishd re fear teagaishg do bhridh gu ’n abbair e urnaigh an Tighearna; agus neach eille nach eishd rish do bhridh nach abbair e i. ’Ta neach nach eishd rish an dream a ghabhas leish an easpuigeachd agus neach eille nach eishd rish an dream nach gabh. Mar sho b’ urrus a nochdadh dh’ibh ann iommad cas eille, gu tarraing shibh leir-sgrioss o gach ni a thig dluth dh’ibh; is ni coimh-shoillear gur luchd fein-sgrioss daoin’ ain-diadhaidh, agus gu bheill an dorainn uath-a fein. [TD 201] Anoish, air smuainteachadh dh’ibh air na nithe shin a chualadh shibh agus air ar slighe fein, shaoilinn gu bu choir dh’ibh a chuimhneachadh ciod e a rinn shibh, naire ghabhail d’e, agus bith lan-uir-ishlicht’ an uair a bheirr shibh fa dearr e. Agus mur dean shibh sho, dearcaibh air na firinne sho a leannas. 1. Is pcaca am fein-mhille, a’ta ann aghaidh an tograidh a ’s neart-mhoir a ’ta ann ar natur, iodhon, togra an fhein-thearmainn. ’Ta speish natura ag gach bith mhothachail d’a leass, d’a sonnas agus d’a foirfidheachd fein. Agus an roighnich shibhs’ ar leir-sgrioss fein? an uair a sparrar oir-ibh ar nabaidh a ghradhachadh mar shibh-fein: ’ta sho ag reimh-chiallachadh gur natura dh’ibh shibh-fein a ghradhachadh. Ach mur gradhaich shibh ar nabaidh, ach mar a ghradhaicheas shibh shibh-fein, is cosmhuil nach b’ olc leibh gu rachagh an sluagh gu leir am Mugha. 2. Cia mor ata shibh ann aghaidh ar ruin agus ar tograidh fein! ’Ta fioss ag-am nach miann leibh ar leir-sgrioss fein, sheadh, an uair a bhitheas shibh ’g a thoiltinn; saoilidh shibh nach bheill shibh ach ag deanamh maith dh’ibh-fein, le bith ag sasachadh ar n ain-mianna feol-mhor. Ach mo thruaidh ni bheill sho ach mar dheoch [TD 202] do ’n uishg’ fhuar ann ain-teass fiabhraish, a mheadaicheas an tinneas agus a ghoimh. Nam b’ ail leibh solas, saibhreas agus urram, iarraibh iad sho anns an ait ann am bheill iad so-fhaghail, agus na bithibh ’g an shealg air an t slighe chum ifrionn. 3. Nach truagh, gu deanadh shibh an ni shin oir-ibh-fein, nach urra neach eille air tallamh, no ann an ifrionn a dheanamh oir-ibh! giodh do chruinnicheadh gach duin air tallamh agus diabhol ann an ifrionn a thoirt ionsuigh oir-bh, cho ’n fhead iad ar milleadh gu shioruidh mur aontaich shibh-fein, no a thoirt oir-ibh peacachadh mur aontaich shibh leo. Agus an dean shibh an ni shin oir-ibh fein nach fead duine no diabhol a dheanamh oir-ibh? is beag oir-ibh an diabhol do bhridh gur e ar namhad a dhealbhas ar dorainn. Agus am bith shibh ni ’s meassa na diabhla dh’ibh-fein? is i sho ar staidd chuntartach nan tuigeadh shibh i; an uair a ruidheas shibh o dhiadhachd chum peacaidh, agus a dhiultas shibh pilleagh air iartas De, ni shibh tuille mor ann aghaidh ar n anama fein na dh’fheadas duine no diabhol a dheanamh os-barr. Agus giodh do chuirreadh shibh ar gear-chuish gu leir ann gniomh a chummagh an aimh-leish a ’s mo dh’ibh-fein, cho [TD 203] ’n sheadadh shibh dorainn a dhealbh’ a bheirreadh barr uirr-e sho. 4. ’Ta shibh mi-dhileas anns a ghnothach a dh’earb Dia r’ibh. Dh’earb e moran d’ ar sonnas r’ibh-fein, agus am meall shibh e ann a earbsa? sparr e oir-ibh ar croidh’ a choimhead le ar n uille dhicheall; agus an e sho coimhead a ni shibh air? Shean. 2. 23. 5. Thoirmishg shibh do gach aon neach eille truadhas a ghabhail d’ibh, an uair nach gabh shibh truadhas dh’ibh-fein: ma ghlaodhas shibh, ag iarraidh trocair o Dhia ann an la ar n amhghair; ciod e rish am fead shibh duil a bhith ag-aibh, ach gu ’n iommain e uaidh-e shibh, ag radh, “cho ghabhadh shibh truadhas d’ibh fein: agus co a tharraing an leir-sgrioss sho oir-ibh, ach ar n an-toille aingidh fein?” agus ma chi ar brathaire shibh ann an dorainn shioruidh, an truagh leo shibh, agus gur shibh-fein luchd millidh ar n anama, agus cho ghabhadh shibh comhairl’ ar leass? 6. Is abhar shior-chloidh d’ar n anamaibh ann an ifrionn, bith ag smuainteachadh, gu d’iommain shibh shibh-fein gu deonach chum ionnad shin na dorainn. Och, nach cradh-croidhe leibh gu brath bith ag cuimhneachadh, gur e sho ar deanadas [TD 204] fein? gu d’ fhuair shibh fioss an leir-sgrioss sho roimh laimh, a rish agus a rish, ach nach do sheachainn shibh e: gu do pheacaich shibh gu toilleil, agus gu do phill shibh gu deonach o Dhia: gu roibh uin agus aimshir ag-aibh mar a bha ag daoin’ eille, ach gu do mhio-ghnathaich shibh iad: bha luchd-munaidh ag-aibh, mar a bha ag daoin’ eille, ach dhiult shibh an teagasg: bha eshempleire naomha ag-aibh, ach cho do ghluaish shibh d’an reir, thairgeadh dh’ibh Criost, gras agus gloir, mar a thairgeadh do chach iad, ach thug shibh tuille speish d’ar n ain-miannaibh feol-mhor, na a thug shibh dhoibh! chuirreadh luach ann ar lamhaibh, ach cho roibh croidhe ann-aibh d’a bhuilleachadh. Shean. 17. 16. Nach shior-chloidh d’ar n anamaibh smuainteachadh air an ammaideachd sho? och, nach bheill ar suile fosgailte, a leirsinn gu do rinn shibh ea-coir air ar n anama gu deonach! och nach do thuig shibh ni ’s fearr briathara sho Dhe! Shean. 8. 33—36. “Eishd re teagasg bith glic agus na diult e. Is beannuicht’ an neach a dh’eishdeas reumsa, ag fairre gach la ag mo gheata, ag feitheanh ag ursanna mo dhoirshe. Oir cia b’ e neach a gheibh mishe gheibh e beatha, agus gheibh e deagh ghean o ’n Tighearna. Ach an ti a [TD 205] pheacaicheas ann m’ aghaidhs’ ni e ea-coir air anam fein: an dream a bheirr fuath dhomh, gradhaichidh shiad bas.” Air teachd dhomh anoish chum co’-dhuna na h oibre sho, is doillich le m’ anam deallachadh r’ibh, air eagal ann diaigh mo shaothair, gu meall ar n ain-mianna feol-mhor shibh, gu cuirr agus gu gleidh an diabhol agus an saoghal shibh, ann an suaimhneas an neamh-churaim gus am mosgail shibh ann an ifrionn. O ro mhead mo churaim d’ ar n anamaibh, is eagal leam sho, mar is aithne dhomh gu bheill shibh so-lubaidh gu h aimh-leass: gidheadh, feadaidh mi a radh leish an fhaidh Jeremiah 17. 16. “’Ta fioss ag-ats’ a Thighearna, nach do mhiannaich mi la na truaighe.” Cho do mhiannaich mi le Sheumus agus le Join, gu tigeadh teinne o neamh a leir-sgriossadh na h aittim shin a dhiult gabhail re h Josa Criost, Luc. 9. 54. Ach shaothairich mi fadd na h uine sho a ghabhail roimh an teinne shioruidh shin: agus is doillich leam gu roibh feim ag-aibh air mo shaothair! is truagh nach roibh shibh coi’-neimh-fheimeil air mo shaothair ’s’ ann am barr’ail Dhe agus dheagh dhaoin’, as a bha shibh ann ar barr’ailibh fein! a chairde caomh! is co’-doillich leam gu luidheadh shibh [TD 206] ann an dorainn an teinne shioruidh, agus gu crannar dorras nan neamha oir-ibh gu brath, as ma ’s urra mi gabhail roimh-e, gu cuirr mi a cheisht sho oir-ibh aon uair eille, “ciod e anoish ata air ar n airre? am pill no am basaich shibh?” amhaircim oir-ibh mar dh’ amhairceas leigh air duin’ ea-slan ann an tinneas cuntartach, ag radh, “giodh ’ta thu ann an gabha comh-mhor, nan gabhadh tu ach a chungaidh-leighish sho, agus nan diultadh tu ach na nithe milteach sho, chuirrinn m’ anam ann an ait t anama, ach mur gabh thu mo chomhairl’, is duine marbh thu.” Ciod e ar barr’ail air a leithid sho do dhuine, mur fead a leigh no a chairde gu leir, impidh a churr air aon chungaidh-leighish a ghabhail d’a theassairginn fein, no beagan do nithibh neimheil milteach a sheachnadh? shin an staidd ann am bheill shibh. Ach cia mor air bith an cuntart ann am bheill shibh do bhridh ar peacaidh, pillibh ach anoish re Criost, agus gabhaibh a leigheas, agus mairridh ar n anama beo gu sonna. Sgeathaibh am peaca bas-mhor amach le h aithreachas, agus na pillibh tuille rish an sgeathraich mhiltich, ach re leass ar n anama, agus bithidh shibh gu maith. Ach nam bitheagh ar gnothach-ainn re ar corpaibh, bhith- [TD 207] eadh cuidd fhioss ag-ainn ciod e a dheanamaid r’ibh. Giodh nach aontaicheadh shibh, chongbhamaid no cheanglamaid shibh, agus dhortamaid an ioc-shlainte shioss ar slugana, chongbhamaid nithe do-channach uai-’bh. Ach cho bhuinnir re ar n anamaibh air an doidh sho; cho ’n fhead shinn ar n iompochadh ann aghaidh ar toille. Cho ghiulainir luchd-cuthaich chum neamha fa chuibhreach. Feadar ar milleagh ann aghaidh ar toille, oir pheacaich shibh le ar toill, ach cho ’n fheadar ar teassairginn ann aghaidh ar toille. B’ iom-chuidh leish an Dia uille-ghlic, cuid mhor do shonnas agus do leir-sgrioss dhaoin’ a churr fa roghainn an toille fein: chum as nach teid neach air bith chum neamha, ach an neach a roighnich an t slighe chum neamha, agus nach teid neach air bith chum ifrionn, ach neach d’ an eigin a radh, “fhuair mi mo roghainn; thug mo thoill fein ann sho mi.” Nam feadainn a thoirt oir-ibh bith lan-toilleach le run shocrach anama, bhitheagh an obbair tuille ’s leith-dheanta. Ach mo thruaidh, an eigin duinne ar daimh a chall, agus dhoibhsin an Dia, an sonnas, agus an anama a chall, ass eagmhuish sho? ach nar leigeadh Dia! is mor an t iongantas leam, gu bheill daoine co’-ain-iochd-mhor, agus air coimh- [TD 208] beag mothachaidh anns na gnothaichibh a ’s mo, an uair ata iad coi’-deigh-mheineach, shuairc, agus chompant’ anns na ghnothaichibh a ’s lugha. Mar mo bharr’ail, ’ta gach coimhearsnach a ’ta ag-am coimh-sheirceil domh, as nan iarrainn co’-sta reasonta dhomh fein o gach neach fa leith dhiu, gu deonaicheagh iad e; gidheadh, an uair a thig mi dh’ iarraidh orr-a an gnothach a ’s fearr air bith a dheanamh dhoibh fein, ’ta moran diu nach toir dhomh ach eishdeachd fhoidhidneach. Ni bheill fioss ag-am an saoil no nach saoil an sluagh, gu bheill fear teagaishg do rireadh ag labhairt o ’n chrannaig do reir eolaish: gidheadh, shaoilinn gur tearc coimhearsnach ata ag-am, nan suighinn leish gu caidreach, ag insheadh dh’a ciod e a chonnairc, no ciod e a rinn mi, no ciod e is aithne dhomh anns an t saoghal, nach creidmhadh agus nach tugadh fa dearr mo sheanchas: ach an uair a dhearbhas mi dhoibh o fhocall an De nach breagaichir, ciod e a chi iad fein anns an t saoghal a ’ta re teachd, taishbinidh iad le an giulan, an darra cuidd nach creidd, no nach toir iad fa dearr mo theagasg. Ma tharlas mi air neach air bith dhiu air an t slighe, agus ma dh’insheas mi dh’ a shud slochd guail, no sho beo-ghainneamh, no shin luchd [TD 209] millidh ann an leabb’ fhollaicht’ ag feitheamh or-t; is urrus domh impidh a churr air doll taobh eille. Ach an uair dh’ insheas mi dhoibh gu bheill an diabhol ann an leabb’ fhollaicht’ ag feitheamh an leir-sgrioss, gu bheill am peaca milteach dhoibh, agus nach suail bith ag sugradh re h ifrionn, triallaidh iad air an aghaidh mar nach cluinneagh iad smidd. Gu fior a choimhearsnacha, ’ta mi co’-durachdach r’ibh o ’n chrannaig, as ata mi ann an co’-luadar cairdeil; agus ma bheirr shibh fa dearr mi gu brath, guidhim oir-ibh thugaibh ann sho fa dearr mi. Shaoilinn nach bheill neach ag-aibh uille, nam bitheadh m’ anam fa a raidh, nach bitheadh toilleach a theassairginn, giodh nach fead mi a ghealtainn gu treigeagh e a pheaca air mo shon. Innish dhomh a mhishg-fhir, am bheill thu co’-ain-iochd-mhor dhomhs’ a labhras reut, as nach leigeadh tu sheach cup no dha dighe, nan saoileadh tu gu teassairgeadh shin m’ anam o ifrionn? am b’ fhearr leat gu loishginn ann an shin gu shioruidh, na gu bitheadh tu fein neimh-mhishgeach mar dhaoin’ eille? ma b’ fhearr leat shin, nach eigin domh a radh, gur Torathair gun iochd thu, agus nach duine? nan tiginn ocrach no lom-nochta dh’ionsuidh do dhorraish, nach deallaicheadh tu re tuille [TD 210] na cup dighe chum mo theassairginn? is cinteach leam gu deallaicheadh: nam bu tearmann do m’ anam e. ’Ta fioss ag-am gu cuirreadh cuidd ag-aibh shibh-fein ann an cuntart air mo shon. Agus nach gabh shibh os-laimh, air m’ impidh, deallachadh re ar n ain-miannaibh feol-mhor air sgath ar sonnaish fein? an diultadh tu cead cup dighe, a dhuine, a theassairginn m’ anamas’, nam bitheagh a thearmann ann earbsa re d’ gheannachd? agus nach dean thu shin a theassairginn t anama fein? creiddibh mi a dhaoine, guidhim oir-ibh ann diugh co’-durachdach ar n anama fein a theassairginn, as a ghuidhinn uai-’bh tearmann domh fein, nam feiminn doll mar dheirceach dh’ionsuigh ar dorsa d’a iarraidh. Agus air an abhar sho nan eishdeadh shibh reum ann shin, eishdibh anoish reum. Nam bu truagh leibh mish’ ann an amhghar, guidhim oir-ibh gabhaibh truadhas anoish d’ibh fein. Guidhim oir-ibh a rish, mar air mo gluna lubta, eishdibh re ar Fear-saoraidh, agus pillibh air impidh-’sin, chum as gu bith shibh beo. Shibhs’ uill’ a bha fa ain-eolas, fa neamh-churam, agus fa an-danadas gus an diugh; shibhs’ uill’ a bha bait’ ann an ro-churam saoghalta, agus nach do chuimhnich Dia, no gloir shioruidh: shibhs’ uill’ a ’ta fa thrailleileachd d’ [TD 211] ar n ain-miannaibh feol-mhor, do bhia, do dheoch agus do shugra neimh-gheanmnaidh: agus shibhs’ uille do nach aithne riachdanachd na naomhachd, agus nach roibh eolach riamh air obbair naomhachaidh an spioraid ann ar n anamaibh, agus nach do ghabh re ar Fear-saoraidh beannaichte le creiddeimh beo, le h iongantas, buidheachas, agus mothacha d’a ghradh, agus nach do mhothaich riamh speish a ’s mo, no gradh a ’s croidheile do Dhia agus do neamh, na a bha ann-aibh d’ ar suaimhneas feol-mhor, agus do nithibh talmhuidh: guidhim oir-ibh gu durachdach, cho ’n ann amhain air mo sgath-’sa, no air sgath ar n anama fein, ach air sgath an Tighearna, na triallaibh aon la tuille ann ar cead slighe; ach amhaircibh air gach leith, agus glaodhaibh re Dia, ag iarraidh graish an iompochaidh, chum as gu nuadh-chruthaichir, agus gu teassairgir shibh o na plaighibh a ’ta dluth dh’ibh, agus d’ am bheill shibh buailteach. Agus ma ni shibh gne gu brath air mo shon, deonaichibh an ath-chuinge sho, pillibh o ar droch shlighibh, agus mairribh beo; diultaibh dhomh aon ni a dh’iarras mi gu brath dhomh fein, ma dheonaicheas shibh ach sho dhomh. Agus ma dhiultas shibh sho dhomh, is comma leam aon ni eill’ a dh’fheadas shibh a dheonachadh. Sheadh, [TD 212] ma ’s ail leibh aon ni a dheanamh gu brath air iartas an Tighearn’ a chruthaich agus a shaor shibh, na diultaibh sho dh’a: oir ma dhiultas, is comma leish ciod eille dh’ fheadas shibh a dheonachadh dh’a. Ma ’s ail leibh gu freagair e ar n urnaighe gu brath, gu deonaich e ar n iartas, agus gu toir e tearmann d’ibh ann uair baish, ann la breitheamhnaish, no ann amhghar air bith; na duiltaibh dh’ a an ath-chuinge sho anoish ann an la ar socair. O! creiddibh mi a dhaoine. Cho ’n fhaic shibh bas agus breitheamhnas, neamh agus ifrionn, le ar suilibh corpora an uair a bhitheas iad fadd uai-’bh, air an doigh air am faic shibh iad dluth dh’ibh. Ann shin cluinnidh shibh leithid na teachdaireachd a chuirr mish’ ann ceill d’ibh, le tuille mosglaidh agus fuirreachraish anama. Sheadh, giodh nach bheill barr’ail comh-mhaith ag-am air gach neach, ’ta duil ag-am gur i run cuidd ag-aibh pilleagh anoish agus bith beo: agus gu bheill shibh ullamh a churr na ceisht shin, a chuirr na h Judhuighe air Peadar, (an uair a bhiorragh an intinne,) ag radh, Gniomh. 2. 37. “Fheara agus a bhrathaire ciod e a ni shinn? Ci an doigh air an lain-iompoichir shinn? ’Ta shinn toilleach bith umhal do Dhia, nam b’ [TD 213] aithne dhuinn ar dleasdanas. Nar leigeadh Dia gu diult shinn iompochadh, agus gu roighnich shinn leir-sgrioss, mar a rinn shinn gus anoish.” Ma ’s i sho run, agus ma ’s iad shin smuainte ar n anama, feadar a radh r’ibh mar a dubhairt Dia re sluagh a thug deagh ghealla dh’a, Deut. 5. 28. 29. “Is maith a labhair iad gach focall a chuirr iad ann ceill; O! gun a leithid shin do chroidh’ ant-a, as gu bitheadh m’ eagal orr-a, agus gu coimhideagh iad m’ aitheanta gu brath:” is sar-mhaith ar run-’sa, agus O! gun chroidh’ ann-aibh d’a curr ann gniomh! agus an duil gu tachair shin, is croidheil a sheolas mi dh’ibh ciod e a ni shibh; agus shin gu h aith-ghearr, chum as gur ussa dh’ibh a chuimhneachadh r’a churr ann gniomh. SHEOLA I. Ma b’ ail leibh bith iompoichte agus teassairgte, gnathaichibh dicheall spairneil, a thuigshinn feim agus fior-natur an iompochaidh, ciod air son, co uaidh-e, co dh’ ionsuigh, agus co leish, is eigin d’ibh iompochadh. [TD 214] Tuigibh ciod i an staidd bhronach ann am bheill shibh, gu h uair ar n iompochaidh, chum as gu faic shibh nach staidd i ann an tearainte dh’ibh comhnaidh a ghabhail. ’Ta shibh fa chionta gach peacaidh a chuirr shibh riamh ann gniomh; fa fheirg Dhe, agus fa mhallachd an lagha; is trailleacha cuibhrichte do ’n diabhol shibh, ’ta shibh saothaireach ann a obbair gach la, ann aghaidh an Tighearn’, ann aghaidh ar leass fein, agus maith dhaoin’ eille: ’ta shibh gu spiorad’ail marbh agus granna, air bith dh’ibh gun bheatha, gun natur agus gun dreach naomha na diadhachd. ’Ta shibh neimh-iom-chuidh air obbair naomha, cho dean shibh gne a ’ta fior-thaitneach le Dia. ’Ta shibh gun ghealla gun chint ag-aibh air tearmann uaidh-e, mur pill shibh. Ta shibh shior-bhuailteach d’a cheartas, gun fhioss ag-aibh c’uin a spionar chum ifrionn shibh, ach ta lain-chint ag-aibh gu teidd shibh am mugha, ma bhasaicheas shibh anns an staidd shin: agus cho ghabh ach iompocha roimh an chuntart ann am bheill shibh. Cho dean suairceas, leassacha, no dicheall a ’s lugha na lain-iompocha tearaint’ ar n anama gu brath. Cuimhnichibh ciod i is ciall do ’n truaidh mhio-natura sho, agus mar an ceadn’ am feim a ’ta ag-aibh ar iompocha. [TD 215] Agus ann shin is eigin gu tuig shibh ciall an iompochaidh: is ciall d’a, nuadh-chroidhe, nuadh-run agus nuadh-cho’-luadar naomha. CHEIST I. Ciod air son is eigin duinn iompochadh? FREGRA. Chum gach crioch dhiu sho a leannas, agus air am fead shibh righeachd. 1. Air iompochadh dh’ibh, is beo-bhloidhe do chorp Chriost shibh gu neimh-mheadhonach, bithidh sheilbh ag-aibh ann, ath-nuadhaichir shibh do reir iomhaigh Dhe, eidichir shibh le a ghrasaibh uille, beodhaichir shibh le beathaidh nuaidh neamhaidh, teassairgir shibh o ain-tighearnas an diabhoil agus a pheacaidh, saorar shibh o mhallachd an lagha, gheibh shibh maitheamhnas ann an uille pheacaibh ar beathaidh, gabhaidh Dia r’ibh mar a Chlann, bheirr e commas d’ibh ar n Athair a radh rish le danadas, agus doll d’a ionsuidh le h urnaigh ann aimshir teinn agus riachdanaish, agus gabhaidh e r’ibh mar a gheall e; gheibh shibh an Spiorad naomh’ a gha- [TD 216] bhail comhnuidh ann-aibh, d’ ar naomhachadh agus d’ ar sheoladh: gheibh shibh comh-pairt ann am brathaireachas, co’-chommunn agus urnaigh nan naomha: nithir iom-chuidh air obbair De shibh; saorar shibh o ain-tighearnas peacaidh; bithidh shibh mar bheannacha feim’eil do ’n ionnad ann am bith ar comhnuidh, agus gheibh shibh gealla na beathaidh sho, agus na beathaidh a ’ta chum teachd, Cho bhith dith nithe air bith oir-ibh a ’ta do rireadh maith dh’ibh, agus gheibh shibh neart a ghiulan ar n amhghara feim’eil; blaishidh shibh cail eigin do cho’-chommunn De anns an Spiorad; gu sonraicht’ anns gach ordo naomha, ann am bheill Dia ag deassachadh cuirrim shlainteil d’ ar n anamaibh; is shibh oighreacha neamh’ am feadh a bitheas shibh air tallamh; gheibh shibh reimh-shealla do ’n ghloir shioruidh le suil creiddeimh, agus mar sho bithidh shibh beo, agus gheibh shibh bas ann an shith: agus cho bhith shibh gu brath co’-uir-ishiol bhochd, as nach bith ar sonnas ni ’s an-mo gu mor na ar truaighe. Cia luach-mhor gach beannacha dhiu shin, nach ainmnich mi ach gu h aith-ghearr, agus a ’ta re am faghail anns a bheathaidh sho fein. [TD 217] 2. Agus ann an am baish theid ar n anama dh’ionsuidh Chriost, agus ann an la breitheamhnaish, firionnaichir, agus gloraichir ar n anama agus ar corpa, agus cuirrir ann sheilbh iad ann an gairdeachas ar Tighearna: agus nithir suas ar sonnas leish na solasaibh sonraichte sho. 1. Nithir coi’-lionta shibh: nithir neamh-bhas-mhor ar corpa bas-mhor, agus cuirridh ar truaillidheachd uirr-e neamh-thruaillidheachd; cho bhith shibh ocrach no iot-mhor, sgith no ea-slan tuille: cho bhith abhar eagail ag-aibh roimh naire, roimh dholas, roimh bhas no roimh ifrionn. lan-shaorar ar n anama o pheaca, agus lan-ulmhaichir shibh a ghabhail eolaish air Dia, agus a thoirt graidh agus cliu dh’a. 2. Is obbair dh’ibh dearcagh air gloir an Fhir shaoraidh, ann an co’-chuiddeachd neamhaidh nan naomha: agus shealla a ghabhail do ghloir an De uille-bheannaichte; ard-chuspair ar graidh a dheanamh dh’ esin a ghradhaich shibh; agus a chliudhachadh gu shioruidh. 3. Meadaichidh ar gloir, gloir Jerusalem nuaidh, cathair an De bhith-bheo, agus is mo sho dh’ibh na solas aonranach. 4. Gloraichir am Fear-saoraidh ann ar gloir-’se, cliudhaichir a mhorachd leibh gu shioruidh, agus [TD 218] is taitneach leish shibh, oir is shibh saothair anama: agus is mo dh’ibh sho na ar gloracha fein. 5. Agus gloraichir ann ar gloir-’se morachd shioruidh an De bhith-bheo: mar a chliudhaichir a mhorachd leibh, mar a cho’-partaicheas e a ghloir agus a mhaitheas r’ibh, agus mar is taitneach leish shibh, agus coi’-liontachd oibre ghlor-mhoir fein ann an gloir Jerusalem nuaidh, agus ann an gloir a Mhic shioruidh. Is cinteach gu fead an deirceach a ’s aim-beartaich ann ar measg, sho uill’ a shealbhachadh gu shioruidh. 2. Chi shibh ciod air son is eigin d’ibh iompochadh: agus anoish, is eigin d’ibh a thuigshinn co uaidh’ is eigin d’ibh iompochadh: agus ann aon fhocall, is eigin d’ibh iompochadh o ar fein-speish fheol-mhoir, crioch an t sluaigh neimh-iompoicht’ uille. Is eigin d’ibh iompochadh o ain-miannaibh feol-mhor, leish an ail gu toillicheadh shibh iad fein roimh Dhia, na h ain-mianna shin, a ’ta ’g ar mealladh chum sho a dheanamh. Is eigin d’ibh iompochadh o ’n diabhol, agus o ’n t saoghal, am bia leish am meall an t iasgair cealgach shin ar n anama. Agus mar sho is eigin d’ibh iompochadh o gach peaca toille a ’s aithne dh’ibh. [TD 219] 3. Is eigin d’ibh a thuigshinn co dh’ionsuidh is coir dh’ibh iompochadh, iodhon dh’ ionsuidh Dhe mar ar crioch; dh’ ionsuidh Chriost, mar an t slighe chum an Athar; dh’ ionsuidh naomhachd mar an t sligh’ a dh’ ordoich Criost; agus mar sho dh’ ionsuidh feim uille mheadhona nan gras’ a thairg an Tighearna dh’ibh mar chuiddeacha. 4. Fa dheoidh, is eigin d’ibh a thuigshinn co leish is coir dh’ibh iompochadh. Iodhon le Criost, an t aon Fhear-saoraidh, agus an t aon Fhear eadar-ghuidhe; agus leish an Spiorad fhior-ghlan, am Fear-naomhachaidh; agus leish an fhocall mar inneal iompochaidh an Spioraid; agus le creiddeimh agus aith-reachas mar na meadhona agus na dleasdanasa ion-choimh-liont’ air ar taoibh-’se. ’Ta sho uille riachdanach. SHEOLA II. Ma ’s ail leibh iompocha agus bith tearuinte, smuaintichibh gu durachdach ann an uaigneas; oir millidh neamh-churam an saoghal. Rachaibh gu tric air uaigneas agus smuaintichibh ann shin air a chrich chum an do rinneadh shibh; air ar beathaidh a chaith shibh, air an aimshir a chaill shibh, agus air a pheac’ a chuirr shibh ann gniomh: [TD 220] smuaintichibh air gradh, fullangas agus iom-laineachd Chriost; air a chuntart d’ am bheill shibh buailteach; air dluthas baish agus breitheamhnaish d’ibh; agus air mor-luach chinteach an t solaish neamhaidh! smuaintichibh air uabhas cinteach, agus air dorainn bhioth-bhuan ifrionn, agus air an shioruidheachd shin mar-aon; smuaintichibh air riachdanas an iompochaidh, agus naomhachd beathaidh; maothaichibh ar n anama le smuaintibh mar iad shin. SHEOLA III. Ma ’s ail leibh iompocha agus bith tearuinte, feithibh air focall De, meadhon gnathaicht’ an iompochaidh. Leaghaibh no eishdibh na scrioptura naomha, agus sgriobha diadhaidh eill’ a chuirreas r’ibh an scrioptur gu tric; agus feithibh air shearmonacha follasach an fhocaill. Mar a shoilshicheas Dia an saoghal leish a ghrein, agus cho ’n ann leish fein amhain: mar shin iompoichidh agus teassairgidh Dia an sluagh le a luchd teagaishg, oir is iad sollas an t saoghail. Gniomh. 26. 17, 18. Mat. 5. 14. An uair dh’ uirishlich e Pol gu miorbhailleach, chuirr e Ananias d’ a ionsuidh. Gniomh. 9. 10. Agus an uair [TD 221] a chuirr e aingel dh’ ionsuidh Chorneliush, dh’iarragh air fioss a churr air Peadar, a dh’ insheadh dh’a ciod e bu choir dh’a a chreidshinn agus a dheanamh. SHEOLA IV. Cleachdaibh dh’ibh-fein doll dh’ ionsuidh Dhe le h urnaigh dhurachdaich gu tric. Aidmhichibh agus caoidhibh ar beatha a chaidh sheach, agus iarraibh gras d’ ar soilsheachadh agus d’ ar n iompochadh. Guidhibh maitheamhnas gach peacaidh a chaidh sheach, agus gu toir Dia a Spiorad d’ibh, dh’ atharrachadh ar croidh’ agus ar giulain, agus d’ar sduireagh air a shlighe fein, agus d’ ar teassairginn o bhuaireas. Agus saothairichibh ann an obbair an Tighearna gach la gun sgitheas. SHEOLA V. Sguirribh air ball do gach peaca toill’ a ’s aithne dh’ibh, staddaibh agus na triallaibh anns an t slighe shin tuille; na bitheadh mishg oir-ibh tuille, ach sheachnaibh fath agus ionnad na mi-cheille. Na mallaichibh, na mionnaichibh, agus na cainibh tuille. Tilgibh uai-’bh le grain ar n [TD 222] ain-mianna agus ar solas peacach: agus ma rinn shibh ea-coir ar neach, thugaibh coi’-leassacha dh’a, mar a thug Zacheus. Ma chuirreas shibh ar shenn-pheaca ann gniomh a rish, an ionn d’ibh duil a bhith ag-aibh re beannacha Dhe air meadhona ar n iompochaidh? SHEOLA VI. Ma bha droch-cuiddeachd ag-aibh roimh-e sho, atharraichibh iad air ball, ma dh’ fheadas shibh. Cho ’n ann le cul a churr re ar daimh dhileas, ach re ar companachaibh peacach agus neimh-fheimeil, agus ceangailibh shibh-fein re luchd eagail an Tighearna, agus iarraibh eolas uath-a air an t slighe chum neamha SHEOLA, VII. Thugaibh suas shibh-fein do ’n Tighearn’ Josa, leigh ar n anama, chum as gu glan e shibh le fhuill, gu naomhaich e shibh le a Spiorad, le fhocall, agus le a luchd teagaishg, meadhona iompochaidh an Spioraid. Is e Criost an t slighe an fhirinn agus a bheatha; agus ni bheill slighe re doll chum an Athar ach trid Chriost. Join. [TD 223] 14. 1. Ni mo ata ainm eille fa neamh, o an sruth ioc-shlainte mhiorbhailleach. Gniomh. 4. 12. Air an abhar shin gabhaibh eolas air a phearsa agus air a natur, tuigibh ciod e a rinn, a dh’ fhuilling, agus a ni e air ar son; agus smuaintichibh cia mar a bhitheas e lain-diongmhalt’ a riarachadh ar n uill’ uir-easbhuidh. SHEOLA VIII. Ma ’s ail leibh do rireadh pilleadh agus bith beo, deanaibh sho air ball agus gun dail. Mur ail leibh pilleagh anoish, cho ’n ail leibh pilleadh gu brath. Cuimhnichibh gu bheill shibh fadd na h uine sho ann ar fuill fein; fa chionta nam milte peaca, agus fa fheirg Dhe air an son; gu bheill shibh ann ar sheassamh air bruach ifronn, agus gun ach ceim eidir shibh agus bas. Agus am fead ach duine gun cheill bith suaimhneach anns a chuntart sho? air an abhar shin, mosglaibh, mosglaibh gu gradd, agus teithibh le ar n anamaibh; mar a theitheadh shibh o thigh a ghabhadh teinne os ar ceann’. Och! nam bu lear dh’ibh an shior-chuntart ann am bheill shibh, an call do-labhairt fa am bheill shibh gach la, agus cia sonna tearuinte dh’ fheadadh shibh bith, nan [TD 224] iompoicheadh shibh, nam bu lear dh’ibh sho, cho sheassadh shibh diamhain, ach philleadh shibh air ball. ’Ta moran ag doll am mearrachd nach pill gun dail agus gu deonach, an uair a leigir rish doibh gur eigin dhoibh iompochadh no doll am mugha. ’Ta ar beatha neimh-chinteach gearr; agus ciod i an staidd ann am bith shibh ma bhasaicheas shibh gun lain-iompocha! dh’ fhuirrich shibh an-fhadd cheanna; bha shibh ro fhadd ag deanamh ca-coir air Dia, fasaidh am peaca neart-mhor, agus freamhaichidh e gu teann, mur spion shibh ass a bhun e gun dail. Fasaidh ar n iompocha ni ’s cruaidhe agus ni ’s cuntartaiche, ma chuirreas shibh dail ann; ’ta moran ag-aibh cheanna r’ a dheanamh, agus air an abhar shin na cuirribh dail anns an obbair uille, gu deirre ar n aimshir, air eagal gu treig Dia shibh, agus gu toir e suas dh’ibh-fein shibh, agus ma tharlas sho theid shibh am mugha gu shioruidh. SHEOLA IX. Ma ’s ail leibh pilleadh re beathaidh gu brath, pillibh air ball agus gu h iomlan deonach. Na tairgibh an coi’-cheangal sho a dheanamh re Criost, iodhon gu roinn shibh ar n anama eidir [TD 225] e-fein agus an saoghal, gu treig shibh cuidd d’ ar peacaibh air iartas-’sa; gu gleidh shibh cuidd eille dhiu; agus gu cuirr shibh uai-’bh uirrid as a cheaddaicheas ar n ain-mianna dh’ibh a sheachnadh. Is fein-mhealtoireachd sho: oir is eigin d’ibh gu croidheil deonach cul a churr rish gach ni a ’ta ag-aibh, no cho deisciple do Chriost shibh, Luc. 14. 26. 33. Mur gabh shibh Dia agus sonnas mar chranchar, agus mur leag shibh ar n uille mhaoin gu h ishiol ag cossa Chriost, cho deisciple dh’ a shibh. Ach cho ’n fhuillear leibh cranchar do dheagh nithibh talmhuidh, oir cho leor-daothainn leibh Dia, agus gloir shioruidh, agus is diamhain bith ’g an tairgsheadh dh’ibh mar shonnas coi’-lionta. Cia crabhach air bith shibh ann ar barr’ailibh fein, gidheadh’ mur bheill ag-aibh do ’n chrabha ach treibh-dhireas, soirbheacha, solas, agus tearmann feolmhor, na h earbaibh ar sonnas reu, oir cia taitneach air bith leibh-fein iad sho, ’ta iad air chint, co’-dorainneach bhas-mhor re h ain-diadhachd fholasach, giodh d’ is i an dreach beagan is fearr. [TD 226] SHEOLA X. Ma ’s ail leibh pilleadh agus bith beo, iompoichibh gu runach, agus na gabhaibh uin fhadda d’ar comhairle, mar ann an gnothach amharasach. Na bithibh iom-luath, mar dhaoin’ a ’ta neimh-chinteach, an e Dia, no an i an fheoil, uachdaran a ’s fearr; an i neamh, no ifrionn ceann-uighe a ’s fearr; an e am peaca, no an i an naomhachd slighe a ’s fearr. Ach cuirribh uai-’bh ar sheann-ain-mianna feol-mhor, agus roighnichibh leassacha beathaidh, air ball, agus le ruin shuidhicht’ anama: na bitheagh aon run ag-aibh an diugh agus run eill’ am maireach; ach thugaibh littir-dheallachaidh do ’n t saoghal uille; agus le lan-ruin thugaibh suas shibh-fein agus gach ni a ’ta ag-aibh do Dhia. Anoish air cluintinn, no air leaghadh sho dh’ibh, roighnichibh leass ar n anama, suill fa ’n caiddil shibh oiche eille, agus fa ’n gluaish shibh ass an ait sho. Suill fa ’m bith fath ag an diabhol ar fuadachadh leish, roighnichibh iompocha. Oir cho phill shibh gu brath, gus an roighnich shibh pilleadh, le lan-ruin agus dian-thogra gun [TD 227] ch’aochla. Gabhaibh an uirrid sho do sheola slainteil. Anoish rinn mishe mo dhicheall anns an obbair sho, chum as gu ’n iompoich shibh air iartas De, agus gu bith shibh beo gu sonna shiorruidh. Ach ciod i a bhuill a bhitheas air mo shaothair cho ’n aithne dhomh. Chuirr mi por iartaish De, ach cho ’n urra mi a thoirt air fas. Cho ’n fhead mi doll ni ’s faidde le mo theachdaireachd; cho ’n urra mi a sparragh ann ar n anamaibh, no a thoirt uirr-e oibreachadh ant-a; cho ’n fhead mi ar n obbair-s’ a dheanamh air ar son, iodhon, a thoirt oir-ibh oidheachd a thoirt do mo theachdaireachd, no smuainteachadh uirr-e: ni mo is urra mi a dheanamh obbair De, iodhon, ar n anama fhosgladh chum a gabhail air oidheachd; no a thoirt shealla-sul dibh air flaitheas na gloire, no air ifrionn na dorainn, no a thoirt maoth-chroidhe nuadh dh’ibh. Nam b’ aithne dhomh tuill’ a dheanamh chum ar n iompochaidh, is doigh leam gu deanainn e gu deonach. Ach, O! Athair chaoimh nan uille Spiorada, mhionnaich thu mar is beo thu, nach taitneach leat leir-sgrioss dhaoin’ aingidh, ach gur roighniche leat gu pilleagh agus gu bitheagh iad beo; na diult do bheannacha do gach impidh agus [TD 228] Sheola dhiu sho, agus na ceaddaich do d’ naimhdibh buadhachadh ann do lathair; na leig do mhealtoir mor an anama lamh-ann-uachdar fhaghail air do Mhac, air do Spiorad, no air t fhocall. Amhairc le tiom-chroidhe air gach peacach truagh neimh-iompoichte, leish nach truagh e-fein, agus nach iarr cuiddeacha. Faiceagh an dall, cluinneagh am bodhar, agus mosglagh am marbh air t iartas; agus na leig le peaca no le bas curr ann a t aghaidh. Duishg an neamh-churamach, fuasgail gach im-cheisht, socraich an duin’ uddalach, agus shilleadh suile gach peacaich a leaghas na briathara sho le dearaibh frassach an aithreachaish air son peacaidh; aishig an ciall doibh, agus pill re do Mhac iad, suill fa ’n iommain am peaca chum dorainn iad. Ma labhras tu ach am focall bithidh buill air mo dhicheall fann-’sa, a theassairginn morain anama chum an gairdeachaish shioruidh, agus chum do ghloir bhioth-bhuan-’sa. Amen. CRIOCH. [TD 229] TRI URNAIGHE: Aon do theaghlaichibh; Aon eille do pheacach lan aithreachaish; agus Aon r’a gnathachadh air la an Tighearna, leish an dreim shin amhain a dh’ fheimeas a leithid shin do chuiddeacha. A leaghoir, leish an da abhar a leannas, bhrosdaicheadh mi, cum na h urnaighe sho a churr rish an leabhar-sa. 1. Chi mi gu bheill moran sluaigh ann am bheill cail-eigin do dheagh thogra, ag dearmad A’ra crabhach a thoirt do Dhia ann an teaghlachaibh do bhridh an laigshe, agus an ain-eolaish; ach ’ta duil ag-am nach dearmaid iad an dleasdanas sho, ma gheibh iad beagan cuiddeachaidh. Agus giodh ’ta moran urnaighe sgriobhta, gidheadh, is tearc teaghlach bochd ag am bheill iad, agus feadaidh mishe m’ urnaighe fein a thoirt dhoibh ni ’s saoire, na dh’ fheadas mi urnaighe eill’ a cheannach dhoibh. 2. ’Ta cuidd dhaoine d’ an cosmhuil bith iompoichte chum aithreachaish agus nuaidheachd beathaidh, le beannacha Dhe air leagha mo [TD 230] sgriobhaidhs’, ag guidheagh or-m riaghail a sduireagh an teaghlaiche ann an urnaigh, a sgriobhadh dhoibh, mar chuiddeacha, do bhridh nach do chleachd iad urnaigh a dheanamh ann lathair dhaoin’ eille. Ma ’s beo mi a sgriobhadh riagail a sduireadh theaghlaiche anns an urnaigh, is i mo run tuill’ a churr reu sho. Urnaigh teaghlaich, moch-thrath agus trath feascair. O! DHE, is tus’ an Spiorad shioruidh, neimh-chriochnaidheach, agus iom-lan ann cumhachd, ann gliocas agus am maitheas; cho ’n fhaic rosga bas-mhor, agus cho lan-tuig eolas cruthaichte do natur; ’ta do lathaireachd leinn gach am; is lear dh’ut diamhaireachd ar n anama; is aithne dh’ut ar peaca agus ar n uireasbha! ach iarraidh tu ar n aidmheil mar obbair ar n aithreachaish, agus ar n iartas mar obbair ar mianna agus ar n earbsaidh mhacanta! och is truadh nach fearr an airridh ar n anama air do lathaireachd fhior-ghlan, agus nach bheill shinn ni ’s iom-chuidh’ air an obbair mhoir agus naomha sho! O! thus’ a bheirr cuirre trocaireach do pheacachaibh truadh teachd [TD 231] do t ionsuidh air slighe na beathaidh nuaidh; na coinnich shinn an do cheartas mar theinne lasrach, ach gabh rinn air sgath ceartaish Mic do ghraidh, oir ’ta ar muinghin ann a shir-eadar-ghuidhe. Is tusa ard-chruthai-fhear nan uille nithe, dhealbh thu shinn do reir t iomhaigh fein, chum eolas a ghabhail or-t, gradh agus umhlachd a thoirt dh’ut: ach thruaill am peaca ar cumhachda uille, chlaon e ua-ts’ iad, agus o ’n chrich chum an do chruthaich thu shinn: ghabhadh, ghinneadh, agus ghluaish shinn ann am peaca, ag an-tromachadh ar gin-chionta agus ar truaighe. Giodh do bha fioss ag-ainn gu bu tu ar shealbhadoir, ghluaish shinn mar dhaoin’ air an comhairle fein. Ghairm shinn or-tsa mar ar Riogh agus ar riaghlai-fhear, ach rinn shinn ceannairc or-t, agus thug shinn umhlachd d’ar n an-toill fheol-mhoir fein: is fior-mhaitheas agus gradh thu, is tu ughdar gach aon ni air bith a ’ta maith agus ion-mholta. Agus bu choir d’ar n anamaibh teass-ghradh a thoirt dh’ut gu deonach; ach ’ta iad ain-eolach air do mhor-luach, ag iarraidh solaish ann an diamhanas saoghalta, agus ann an sasacha an ain-mianna feol-mhor. Ghlac an saoghal cealgach sho ar gradh, ar curam agus ar smuainte, ar briathara, [TD 232] ar n aimshir agus ar saothair, mar gu bu shir-ionnad-comhnuidh agus oighreachd bhioth-bhuan d’ ar ’n anamaibh e, am feadh a dhearmaideagh ar Dia, agus ar n anama nach basaich. Chuirr thu ciocras gloire shioruidh ann-ainn, ghlaodh thu r’inn a h iarraidh, agus ar smuainte a thogbhail suas reut fein: ach ghluaish shinn mar nach creidmheamaid t fhocall, agus rinn shinn di-meass air gairdeachas neamhaidh a thairg thu dhuinn, agus roighnich shinn solas diom-buan feol-mhor. Thug shinn A’ra dh’ut gu diamhanach, agus umhlachd dh’ut gu fuar-chrabhach le ar briatharaibh amhain. Thug shinn t ainm uabhasach ann diamhanas; agus mhio-ghnathaich shinn do la naomha. Thug shinn eas-umhlachd d’ ar n uachdaranaibh, agus dhearmaid shinn ar n iochdarana. Bu choir dhuinn ar teaghlaiche a riaghlachadh mar eaglaish naomha De, ach bu tighe diamhanaish, saoghaltachd, agus tallachaidh air an staidd iad. Bha ar smuainte ciontach ann diamhanas, ann ammaideachd, ann amla, am mio-ruin, agus ann ain-miannaibh sallach neamh-ghlan. Bha ar teanga ciontach ann caint ammaidich dhiamhain, am briatharaibh feargach, ann an-chaint, ann co’-radh sallach mio-stuamadh, ann cul-chaint air daoin’ eille, agus am moran breagaibh. Cho [TD 233] do ghradhaich shinn ar coimhearsnach mar shinn-fein; ni mo a rinn shinn do chach an ni a b’ ail leinn uath-a: ach bha shinn uille fein-speisheil, gu h uallach ag miannachadh meass mor agus aird-inbhe; gu santach ag iarraidh ar leass, agus ar solaish ain-miannaich fein; an uair a ghabh shinn ro bheagan curaim do leass corpora agus spioradail dhaoin’ eille. Bha shinn ro mhall a ghradhachadh ar naimhde, agus mio-chroidheil a thoirt maitheamhnas cionta dhoibh. Mhio-ghnathaich shinn do thiolaca, mhio-bhuillich shinn ar n aimshir luach-mhor le diamhanas, is ro bheag feim a rinn shinn air tallamh. Giodh do shollair do throcair iongantach dhuinn Fear-saoraidh, agus cungaidh-leighish ni ’s leor ann-san: agus giodh do thug thu dubh-’lan eolaish aingle agus dhaoine, ann am foilsheacha iongantach sho do gliocaish agus do ghraidh; gidheadh, fhuair shinn tuishle air t fhocall le ar neimh-chreiddeimh, agus dhearmaid shinn an t slainte mhor sho gu neamh-mhothachail. Cia neamh-churamach a chuala agus a leagh shinn do shoisgeul? nach beag a chuirr gradh agus fullangas ar Slanai-fhir oir-’n? bheirreamaid buidheachas do neach air bith a bheirreadh dhuinn tearmann no saibhreas saoghalta: ach cia mio-bhuidh- [TD 234] each a bha shinn do Chriost, a rinn an uirrid sho, a theassairginn ar n anama o leir-sgrioss shioruidh! mo thruaigh, ’ta ar croidheacha do-lubaidh agus neamh-uir-ishlichte, coi’-dheish mu pheaca agus mu dhiom cho’-thromaich Dhe, agus coi’-dheish mu Chriost agus mu a ghrasa. Agus is ceart dh’uts’ an trocair air an do rinn shinn uirrid di-meish, a dhiultadh dhuinn gu shioruidh. Ach buinn r’inn O! Thighearna do reir do mhaitheish fein, agus do reir ar feim an-barraich-’ne; agus na smachdaich shinn do reir ar droch-thoilteanaish. Pheacaich shinn mar dhaoine, ach bith thusa trocaireach mar Dhia. Mar ata ar peacaidh-’ne lion-mhor, bitheadh do ghrasa ni ’s lion-mhoire gu mor! thug thu Slanai-fhear do ’n chinnea-daona, an uair bu naimhde dh’ut shinn; agus bha thu ann an Criost ag aith-reiteachagh an t saoghail reut fein: is i do run aird-thighearnail, fath a dheanamh d’ar beag-luach, agus d’ar truaigh, a ghlorachadh do ghraidh agus do throcair iongantaich, ann am moran peacaidh a laghadh, agus am fead shinne gun mhoran graidh a thoirt d’huts’ air a shon sho? agus ann a dhiaigh sho uille, ma chuirreas shinn an teagamh, gu bheill thu deonach maitheamhnas a thoirt do ’n chreidmheach a ’ta lan aithreachaish, ni shinn [TD 235] ea-coir an-barrach air saibhreas do ghraish. Dh’iarr thu shinn an uair nach d’iarr shinne thusa! is ann air t iartas fein a shirreas shinn thu, agus a ghuidheas shinn trocair. Thug thu dhuinn na ceart mhianna shin a dhortas shinn amach ann do lathair. Ghuidh thu oir-’ne bith reidh reut, agus gabhail re d’ ghras: agus an cuirr shinn ann teagamh gu bheill thu toilleach a dheonachadh? Ata coi’-leassacha iom-lan do d’ cheartas air son ar peacaidh, ann an iobhairt agus deagh-thoilteanas do Mhic, agus ioc-shlainte ni ’s leor dh’ fhireannachadh a chreidmhich a ’ta lan aithreachaish ann do lathair. Thug thu do Mhac mar fhear teagaishg gun mhearrachd do t eaglaish: is Riogh lan-chumhachdach d’ ar riaghlachadh, d’ ar coimhead, agus d’ ar fireannachadh e. Thug thu do Spiorad a naomhachadh ar n anama; agus ’ta do ghradh lain-dhiongmhalta chum ar sonnaish agus ar suaimhnish shioruidh. Air an abhar shin, bheirr shinn suas shinn-fein dh’utsa ar Dia, ar n Athair, ar Fear-saoraidh agus naomhachaidh; agus guidheamaid or-t, gabh r’inn air cumhnanta coi’-cheangail do ghrasa. Na cuimhnich ann ar n aghaidh ammaideachd, ain-eolas, agus ain-mianna ar n oige: lagh dhuinn ar peaca diamhair agus sollasach; ar peaca neamh-churaim, braishineachd, [TD 236] agus an-danadaish; gu sonraichte na peacaidh shin a chuirr shinn ann gniomh gu deonach, ann aghaidh ar n eolaish, agus co’-spairn do ghraish. Ath-nuadhaich agus lan-naomhaich shinn le do Spiorad: buinn uai-’nn an sheann-chroidhe clochaidh, agus thoir dhuinn an croidhe maoth, bruite agus soi-theagaishg: thoir dhuinn an natur naomha neamhaidh; naomhaich shinn le dreach t fhior-ghlaine: thoir oir-’ne shinn-fein, agus gach ni a thug thu dhuinn, a choishreactha dh’utsa d’ am buinn iad, gu h iom-lan. Lan-umhlaich do d’ riaghail uille chumhachda ar n anama agus ar corpa. O! leig rish duinn do mhaitheas nach traogh, t iom-lanachd ghlor-mhor, agus do throcair iongantach, a thug thu dhuinn ann Criost; dort amach do ghradh air ar n anama le do Spiorad naomha, gus an toir do ghradh oir-’ne, gur eigin duinn do ghradhachadh, os gach ni agus neach, le ar n uille chroidhe, le ar n uill’ anam agus le ar n uille neart. Lassadh dealra do ghraidh ar n anama, chum as gu toir shinn teass-ghradh dh’ut gu deonach; gu blaish shinn tionscana an t sonnaish agus an t solaish neamhaidh ann do ghradh; gu tuig shinn nach bheill doigh ag-ainn air ni ’s leor a thoirt dh’ut do ghradh; agus gu ’n abbair shinn gu neimh-chealgach gur fadda leinn [TD 237] gus am fead shinn tuille thoirt dh’ut. Cho cheaddaich ar neimh-iom-laineachd dhuinn a radh, gu toir shinn gradh dh’ut do reir do mhor-luaich, oir ’ta sho os ceann neart aingle agus dhaoine: ach, och, nach urra shin uirrid graidh a thoirt dh’ut as bu mhaith leinn! gus an rig shinn air an staidd lain-bheannaichte shin, ann an gradhaich shinn thu ni ’s mo na is urra shinn anoish a mhiannachadh! giodh nach peacaicheamaid riamh am focall no ann gniomh, is peaca, peaca nach urra shinn a chaoidheadh gu brath, easbhuidh ar graidh dh’utsa; is uallach nach urra shinn a ghiulan, masla ar natuir thruailte! cho ’n iarr shinn tuille sonnaish anns a bheathaidh sho, ach barrachd eolaish or-tsa, agus neart a thoirt tuille graidh dh’ut. Thoir dhuinn Spiorad na h uchd-mhacachd, a lionnas shinn le ruin mhacanta dh’utsa ar Dia, agus ar n Athair neamhaidh, a ’ta reidh r’inn ann an Criost. Thoir oir-’ne ar n ard chrioch araid a dheanamh dhiotsa, agus do ghloir iarraidh anns gach gniomh. Deonaich gur e dian-thogra ar n anama, thus’ a thoilleachadh anns gach ni, soirbheachadh le do rioghachd, agus do thoill a dheanamh. Ardaich do ghloir os ceann nan neamha, naomhaich t ainm air an tallamh uille, iompoich an saoghal geintileach gun chreiddeimh, agus [TD 238] cuirr fa cheansal do mhic e. Thoir riaghlai-fheara glic agus naomha do na finneachaibh; rachadh soisgeul do mhic amach mar a ghrian, a shoilsheachadh gach cearna do ’n tallamh. Och, nach gabhagh an saoghal a ’ta fa mhi-riaghail Righ mhio-runaich an dorchadaish, re do naoimh-reachd, agus nach tugagh iad geil d’ a! och, gun iad a bhith ni ’s cosmhuile re luchd-aiteachaidh naomha nan neamha, ann am maish agus ann an coi’-sheirm na naomhachd! aith-leassaich gach eaglaish a ’ta truailte agus fa dhorchadas. Tilg anuas an t ain-tighearnas, an ain-diadhachd, an eireceachd agus an sgarra shin, a chongbhas amach eolas, naomhachd agus shith. Dion agus beannaich na h eaglaishe aith-leassaichte; gu sonraichte anns na rioghachdaibh ann am bheill shinne. Beannaich ar n aon uachdaran dligheach, agus an teaghlach rioghail uille; agus gach neach a ’ta ann an ughdaras; muin ar luchd teagaishg, agus thoir aodhaire commasach diadhaidh do gach tread anns na rioghachdaibh sho. Thoir fonn shioth-chainteach, diadhaidh, soi-theagaishg do ’n t sluagh. Cuirr impidh oir-’ne, do rioghachd agus do cheartas fein iarraidh ar tus: agus cuirr-’se gach aon ni feimeil eille r’inn. Cum suas agus beathaich ar natur le nithibh riachdanach, [TD 239] agus deonaich gu bith shinn lan-toillichte le ar n arran ladh’ail; agus foidhideach fa ’n uir-easbhuidh a thoill ar peaca. Teagaishg dhuinn ar n aimshir luach-mhor a dheagh-bhuilleachadh, agus gun a mio-bhuilleachadh le diamhanas peacach; ach crioch a churr air an obbair rish am bheill ar beatha shioruidh ann earbsa; agus ar giulan a bhith mar bu mhaith dhuinn anns an uair dheirreannaich. Deonaich aithreachas, agus maitheamhnas gach la ann am peaca gach laidh, trid Chriost: agus thoir dhuinn muinghin ann a eidir-ghuidhe-’sin do reir ar shir-fheim. Teagaishgir dhuinne le do mhor-ghradh, agus le do throcair a mhaitheas peaca, ar coimhearsnach a ghradhachadh mar shinn-fein; ar n eascairde a ghradhachadh, ciont’ a mhaitheadh, agus maith a dheanamh air gach neach do reir ar commaish fein; agus am feim-’sin. Cuiddich leinn cathachagh ann aghaidh an diabhoil, an t saoghail agus na feola, agus buaidh a thoirt orr-a. Coimhid shinn o ’n pheaca chealgach, agus na leig dhuinn shinn-fein iommain gu buaire. Dion shinn o ain-eolas agus o neimh-cheiddeimh, o ain-diadhachd agus o fhuar-chrabha, o uaill agus o shaoghaltachd an-barrach, o leishg’ agus o shasacha ar n ain mianna peacach feol-mhor. Cuirr impidh oir-’n A’ra a thoirt dh’ut ann an naomh- [TD 240] achd; t ainm uabhasach a luadh gu h urramach; do la naomh’ a chuimhneachadh agus a choimhead gu curamach. Gleidh shinn o eas-umhlachd pheacach a thoirt d’ ar n uachdaranaibh; o dhearmad ciontach a dheanamh air ar n iochdarana; agus o ea-coir a dheanamh air aon neach ann smuain, am briathar, no ann gniomh! coimhid shinn o bhuaireas peacach na feirge; o smuaintibh agus o mhiannaibh; o bhriatharaibh agus o ghniomharaibh neimh-gheanmnaidh. Cum shinn o mheirle agus o mhealtaireachd a dheanamh air daoin’ eille; o bhreagaibh, o mhasla, agus o chul-chaine. Marbh an fhein-speish shin a ’ta ann aghaidh leass ar coimhearsnaich. Dion shinn o an dioghaltas a thoill shinn. Co’-oibricheagh ar n uill’ amhghara chum ar leass. O! cuiddich leinn triall trid an t saoghail dhiom-buain sho, ’g ar n ulmhachadh fein fa choinne baish. Bitheagh ar n anama agus ar co’-luadar air neamh. Na treig shinn ann aimshir ar n amhghair dheirreannaich. Ach glac ar n anama ann uair baish, agus thoir do Chriost iad. [TD 241] ABBAIR MOCH-THRATH. Dion, sduir agus beannaich shinn an diugh, ann ar slighe agus saothair laghail, chum as trath feascair gu toir shinn dh’ut buidheachas le gairdeachas trid Josa Criost, ar n aon Slanai-fhear: agus le a bhriatharaibh-’sin, co’-dhunaidh shinn ar n urnaighe: “Ar n Athair’n a ’ta air neamh, gu beannaichir t ainm, gu tigeadh do rioghachd, gu deanthar do thoill air tallamh mar ata i air neamh, thoir dhuinn an diugh ar n arran ladh’ail, agus maith dhuinn ar fiacha, mar a mhaitheas shinn d’ ar feicheannaibh, agus na leig ann am buaire shinn, ach saor shinn o olc: oir is leats’ an rioghachd agus a chumhachd, agus a ghloir gu shioruidh. Amen.” ABBAIR TRATH FESCAIR. Coimhid shinn an nochd, agus deonaich dhuinn an suaimhneas coirp agus anama shin, a dh’ ulmhaicheas shinn chum saothair an laidh a ’s foigshe, air sgath Josa Criost ar Slannai-fhir; agus le a bhriatharaibh’-sin co’-dhunaidh shinn ar n urnaighe; “Ar n Athair’n a ’ta ar neamh, &c. [TD 242] Aidmheil agus urnaigh peacaich a ’ta fa aithreachas. O! DHE lan-chumhachdaich, uille-ghlic agus ghras-mhoir, giodh d’ is beag or-tsa uille luchd deanta na h aingidheachd, agus giodh nach fead thu bith reidh re peaca; gidheadh, trid eadar-ghuidhe do Mhic uille-bheannaichte, amhairc le tiom-chroidhe or-msa peacach truadh, a ta ag tuittim le glunaibh lubta ag coss-stol do ghraish. Nam freagrainn an ard chrioch araid fhior-ghlan shin chum an do chruthaicheadh agus an do shaoradh mi, dh’ fheadainn anoish teachd do t ionsuidh le muinghin agus le danadas Mic, agus le deirbh-bheachd gu dean thu cuspair do ghraidh dhiom: ach rinn mi ceannairc ammaideach ann a t aghaidh! dhearmaid mi gu deonach an Dia a chruthaich mi; an Slanai-fhear a shaor mi; agus a ghloir shioruidh a chuirr thu ann mo thairgshe. dhio-chuimhnich mi an gnothach air an do chuirr thu chum an t Saoghail mi; ghluaish mi mar nach cruthaichteadh mi, ach chum beagan aimshir a struidheagh ann an suaimhneas feol-mhor, agus mo chorp a reamhrachadh mar lon do dhaolaibh na h uaighe. Dhio-chuimhnich mi [TD 243] le mo thoill gur duine mi, a fhuair reason chum m’ fheoil a riaghlachadh, eolas a ghabhail air mo Dhia, reamh-sheall’ a ghabhail do m’ bhas, agus do staidd na neamh-bhasmhorachd. Chuirr mi mo reason fa cheansal chumhachda iochdaranach m’ anama, agus ghluaish mi mar bhruid a bhasaicheas. Och! an aimshir luach-mhor a chaill mi, agus cho ’n fhead an saoghail gu leir a toirt air a h aish! O! an cuirre gras-mhor a dhearmaid mi! O! gairm Dhe a dhiult mi! an gradh iongantach rish an do chuirr mi cul le diom-buidheachas: agus an trocair shaibhir a mhio-ghnathaich agus a dh’ iompoich mi gu macnus peacach! cia domhainn a chiont’ a chuirr mi ann gniomh! agus cia mor na co’-fhurtachda a chaill mi! dh’ fheadainn bith fadd m’ aimshir ann do ghradh-’s a Dhe throcairich; agus ann an solas t fhocaill agus do shlighe fhior-ghlain; ann an reimh-shealla solasach neamha gach la; agus ann an aibhneas an Spioraid naoimhe, nan gabhainn do naoimh-reachd-’sa mar riaghail: ach dh’ eishd mi rish an fheoil, agus rish an t saoghal aingidh chealgach, agus roighnich mi beatha dhiom-buan pheacach, roimh do ghradh-’sa agus roimh ghloir shioruidh! [TD 244] Och! ciod e a rinn mi o thainig mi chum an t saoghail! thug peaca agus ammaideachd ua-m m’ aimshir. Is nar leam aith-shealla a ghabhail do gach bliadhann a mhio-bhuillich mi; no smuainteachadh air a bhuaire leish an d’ aom mi: och! ciod e an diamhanas a mheall o m’ Dhia mi? nach beag a bha ag-am air son an t solaish naoimh’ a chaill mi? mar Esau reic mi mo ghin-cheart gu santach air aon lan beil; a thoilleachadh mo Mheanm-mhacnuish, mo chiocraish, agus m’ ain-mianna, rinn mi di-meass air gach solas neamhaidh; agus tailceas mio-natura air maitheas mo chruthai-fhir! rinn mi tair air gradh agus gras m’ fhir shaoraidh! chuirr mi ann aghaidh do Spioraid naoimhe; chuirr mi tosd air mo choguish, agus compar air do mhinishtere, agus air mo chairde ro dhileas fein. Chuirr mi anns an staidd mhulladaich thruaidh sho mi-fein, agus is abhar naire agus uallach dhomh fein mi, agus is uabhann leam Dia, a bhitheagh ag-am mar mhuinghin agus mar sholas, mur bu mhi-fein an coirreach. Is lear dh’utsa mo pheaca diamhair, giodh nach lear do dhaoinibh e; is aithne dh’ut gach ni a ’ta ’g a an-tromachadh! O! Thighearna, fhuair mo pheaca amach mi! fhuair mo pheaca agus [TD 245] mo dholas lamh-ann-uachdar or-m! ma dh’ amhairceas mi air mo dhiaigh, chi mi m’ aingidheachd air toir m’ anama mar namhad neart-mhor, deass do m’ ghlaca agus do m’ leir-sgrioss! ma dh’ amhairceas mi romh-am, chi mi do bhreitheamhnas co’-thromach uabhasach, agus ’ta fioss ag-am nach saor thu an ciontach, ach air cumhnanta soisgeil do Mhic. Ma dh’amhairceas mi air m’ anam, chi mi croidhe truailte dorch. Ma dh’ amhairceas mi an taobh amach dhiom, chi mi an saoghal ag shior-thairgsheadh nuadh-bhuaire do m’ mhealladh. Ma dh’ amhairceas mi os mo cheann, chi mi do mhorachd uabhasach d’an d’ thug mi oil-bheim. Ma dh’ amhairceas mi fo-m, chi mi ionnad na dorainn shioruidh a thoill mi, agus a chuiddeachd ifrionnach air an airridh mi! is eagal leam bith beo, agus is mo an t eagal leam basachadh! Ach gidheadh, an uair a ghabhas mi shealla do d’ Mhac; do shaibhreas do throcair; agus do d’ choi’-cheangal; ’ta duil chinteach ag-am gu coi’-shin do mhaitheas re d’ mhorachd; is fior-ghradh thu, agus ’ta do throcair os t obbair uille. Dh’ aontaich do Mhac bith co’-gras-mhor do pheacachaibh, air modh coimh-iongantach, rinn agus dh’ fhuilling e uirrid chum ar slainte; as nan cuirrinn ann ceisht gu bheill thu toilleach maith- [TD 246] eamhnas peacaidh a dheonachadh, gu ’n an-tromaichinn m’ uille chionta, le h eas-onoir a thoirt do d’ throcair gun choi’-meass a chuirr thu romh-at a ghlorachadh. Os-barr chi mi sgriobht’ ann t fhocall, gu do rinn thu coi’-cheangal graish trid Chriost, agus gu d’ thug thu reachd dearmaid amach, ann an do dheonaich thu cheanna maitheamhnas do na h uillibh, air chumhnanta, ach gu saor; ag toirt doibh maitheamhnas an uille pheacaidh, gun neach air bith a dhruiddeagh amach a philleas reut trid Josa Criost, le creiddeimh, aithreachas, agus leassacha beathaidh neimh-chealgach. ’Ta do throcair a thaishbin thu cheanna dhomh, ag meadachadh mo mhuinghin, do bhridh nach do leir-sgrioss thu mi, agus nach d’ thug thu thairrish mi do chruadhas mo chroidhe fein; ach gu bheill thu ag leigeil rish mo pheacaidh agus mo chuntairt domh roimh dholl domh ass aite teassairginn. O! uim-eshin, amhairc or-msa peacach, a ’ta air mo ghluna lubt’ ann do lathair, ag bualadh m’ uchd mar am maor cios-chain, agus leish an nar mo shuil a thogbhail re neamh. O! Dhe dean trocair or-msa peacach. ’Ta mi ag aidmheachadh, cho an e amhain mo pheaca ginn ach ammaideachd agus cuthach m’ oige, lionmhorachd [TD 247] peacaidh m’ ain-eolaish, agus m’ eolaish, mo neamh-churaim agus mo thoilleileachd, mo dhearmaid agus mo ghniomhara, ann aghaidh an reachd natura, agus ann aghaidh graish agus soisgeil do Mhic. O! mo Dhia, teassairg mi, agus deonaich dhomh maitheamhnas, air sgath saibhrish do throcair, air sgath iobhairt agus mor-luach do Mhic, agus air sgath geallaidh a mhaitheamhnaish a thug thu dhuinn trid do Mhic; oir ant-a shin amhain ata mo mhuinghin uille. Na did mi oir ’ta mi ’g am dhideadh fein. O thus’ a dh’ fhosgail tobbar luach-mhor do pheaca agus do neamh-ghlaine, gu h iom-lan ionnail mi o m’ aingidheachd, agus glan mi o m’ pheaca. Giodh d’ thoill mi o d’ cheartas m’ iommainn chum ifrionn gu gradd, thugadh do throcair buaidh ann mo thearmann. Ni bheill tlachd air bith ag-at ann leir-sgrioss peacaich, ach is roighniche leat gu pilleagh e le h aithreachas agus gu bitheagh e beo. Mur bheill m’ aithreachas mar is ail leat, O! maothaich mo chroidhe cruaidh clochaidh, agus deonaich dhomh aithreachas slainteil. Pill, mi reut fein, O! Dhe mo shlainte; agus dealradh do ghnuish or-m. Cruthaich croidhe glan, agus ath-nuadhaich Spiorad ceart ann-am. Air pilleadh dhomsa do Mhac struidheil truadh, na coinnich am feirg mi, ach [TD 248] failtich mi ann an glacaibh do chaomh-throcair. Na tilg o d’ shealla mi, agus na fogair ua-t mi le luchd deanta na h aingidheachd. O! Athair a dh’ fhuilling mi gu foidhideach an uair a rinn mi di-meass or-t, anoish, air iarraidh dhomh do t ionsuidh, na diult mi, agus mi ar mo ghluna anns an luaithre ag guidheadh do throcair. Dh’ iompoich thu Manasseh aingidh, agus Saul t fhear dian-ruagaidh, agus thug thu maitheamhnas doibh. agus ’ta moran air neamh, a bha naimhdeil d’ut! mar an ceadna, le maitheamhnas a thoirt do ro iomarcaidh mo pheacaidh’s’ gloraich lan-shaibhreas do ghraish. Ni bheill mi ag iarraidh commas peacachaidh a rish, ach saora o chumhachd mo natuir pheacaich. Deonaich dhomh do m’ nuadhachadh Spiorad do Mhic, a naomhaicheas uille chumhachda m’ anama. Thoir dhomh an reason, agus an natur nuadh neamhaidh, agus Spiorad na h uchd-mhacachd do m’ ath-chruthachadh do reir t iomhaigh ghlor-mhoir fein, chum as gu bith mi naomha mar ata thu fein naomha. Soilshich mi le h eolas slainteil or-t fein agus air do Mhac Josa Criost. O! lion mi le d’ ghradh, chum as gu socraich mi m’ anam gu h iomlan or-t; agus gu gabh mi tlachd os gach ni, ann [TD 249] an cuimhne do mhorachd neamhaidh. Ruidheadh mo smuainte gu saor air do dhiaigh le tlachd! labhradh mo theanga gu solasach saor, or-t fein, air do ghloir, air do rioghachd, air t fhocall agus air do shlighe. O! taishgir m’ ionmhas air neamh, agus labhram le tlachd air an ionnad aoibhinn shin gach la. Deonaich gur e ard-ghnothach m’ anama choishreacta gach la, thus’ a thoilleachadh, agus a chliudhachadh; do rioghachd a churr air a h aghaidh, agus do riar a dheanamh! cuirr t eagal ann mo chroidhe, chum as nach treig mi gu brath thu! bha tuille na a choir fein ag an t saoghal sho do m’ anam cheanna; ach anoish ceasar an saoghal dhomhsa, agus mishe do ’n t saoghal, trid croish Chriost. Na gradhaichim an saoghal no nithe saoghalta gu h an-barrach: ach air bith do bhia agus do eadach ag-am, thoir or-m bith toillichte leo. Marbh m’ uill’ ain-mianna feol-mhor, chum as nach amhairc mi le sant ann diaigh na feola ach ann diaigh ann Spioraid. Coimhid mi o ribbe na cuiddeachd aingidh, o chomhairle agus o shlighe dhaoin’ ain-diadhaidh. Beannaich mi le co’-chommunn nan naomha mar chuiddeacha; agus leish na meadhonaibh shin uill’ a dh’ ordoich thu a shoirbheachadh le ar slaint’ agus naomhacha. Och [TD 250] gun mo shligh’ a bhith coi’-direach as gu feadainn do naoimh-reachd a choimhead. Na leig dhomh pilleadh re h ammaideachd gu brath, no coi’-cheangal mo Dhe a dhearmad. Cuiddich leam mo chead thogra peacach a mhuchadh, agus grain a ghabhail do gach smuain agus miann pheacach. Neartaicheadh do Spiorad mi ann aghaidh gach buaire, chum as gu toir mi buaidh, agus gu buanaich mi umhal dh’utsa gu brath. Ulmhaich mi fa choinne fullangaish, baish, agus breitheamhnaish, chum as an uair is eigin domh an saoghal peacach sho fhagbhail, gu fead mi mo Spiorad a thoirt suas le gairdeachas, ann an lamhaibh dileas m’ Fhir shaoraidh chaoimh; agus chum as nach aireamhar mi le luchd-aingidheachd, a bhasaicheas ann am meadhon am peacaidh neamh-laghta, agus a thriallas chum dorainn shioruidh: ach gu bith mi ann Criost, leish a cheartas a ’ta o Dhia trid creiddeimh; agus gu rig mi air aish-eirigh nam fireanta: chum as gu brosdaich cuimhn’ a pheacaidh agus na dorainn o ’n do shaor thu mi, mo shir-chliu dh’utsa mo Chruthai-fhear, m’ Fhear-saoraidh agus m’ Fhear-naomhachaidh. O! gu gairmeadh agus gu ’n iompoicheadh tu finneacha truadh an iodhol-araidh agus an neimh- [TD 251] chreiddeimh; agus lion-mhorachd luchd-fuar-chrabhaidh ain-diadhaidh, ag am bheill an t ainm criostuidh, gun fhirinn, gun chumhachd, agus gun beathaidh an t soisgeil. O! cuirr amach luchd-saothair chum t fhomhairidh agus na bacagh an diabhol iad. Soirbhich le soisgeul, agus le rioghachd do Mhic, chum as gu ’n iompoichir tuille pheacacha do t ionsuidh, agus gu bith an tallamh sho ni ’s cosmhuile re neamh; agus chum as an uair a chruinnicheas tu shinn uill’ ann aon bhuidhinn fa Chriost, gu toir shinn dh’utsa le gradh agus le gairdeachas iom-lan, rioghachd, cumhachd agus gloir, gu suthainn shioruidh. Amen. Urnaigh agus molla do Dhia air la an Tighearna. A Jehobhah ghlor-mhoir, ata thu gu neimh-chriochnaidheach os ceann cliu aingle, agus gu sonraicht’ os ceann cliu chnuimhe peacach mar shinne: gabhagh e fadd o ar n anamaibh a smuainteachadh gu feim thu aon ni a ’s urra shinn a dheanamh, no gu fead ar n uille mholla gne air bith a churr re do shonnas! ach dh’ ardaich do ghradh agus do throcair shinn chum na h inbh’ urramaich sho, agus thug thu dhuinn ar sonnas [TD 252] mar dhleasdanas: agus theid gach neach a ’ta fadd ua-t am mugha; ach is maith dhuinne teachd dluth dh’ut: agus air eagal gu bachd diamhanas agus gnothaiche saoghalta shinn, shonraich thu amach do la naomha, chum as gu dearc shinn le smuaintibh socrach, air do ghradh, agus air do chliu; agus chum as gu feith shinn air an Tighearna gun bhuaireas, agus gu blaish shinn ar suaimhneas shioruidh fein roimh laimh. O! bith thus’ anoish mar Spiorad beathaidh, soilshe, graidh agus cumhachd do ’n dreim a ni do riar! beodhaicheagh a bheatha neamhaidh shinn, chum a ghnothaich neamhaidh sho; chum as ann do shollas co’-partaichte, gu faic shinn thu fein trid creiddeimh: chum as gu lass ar gradh le teass-chrabha solasach, trid co’-partachaidh bhlasta do ghraidh: chum as gu bith gach ni a ’ta ann-ainn, (ag cathachagh ann a t aghaidh,) lan-smachdaichte le d’ neart, a ’ta follasach ann ar laigshe; agus chum as mar sho, gu bith an iobhairt shin dh’ inn-fein, agus d’ ar cliu, a thairgeas shinn gu h umhal air t iartas, taitneach leat, agus ionn-gabhail r’i, trid Josa Criost. Is Dia thus’ agus thus’ amhain; is tu an Spiorad neamh-bhas-mhor, do-fhaicshinneach, shioruidh agus neimh-chriochnaidheach ann am bith agus ann an iom-laineachd: roimh chruthacha an t [TD 253] saoghail, o shioruidheachd gu shioruidheachd is tusa Dia. ’Ta t eolas neimh-chriochnaidheach: ’ta thu lain-eolach or-t fein, agus air gach ni agus neach: ach cho ’n fhead aon neach eille t iom-lanachd a thuigshinn: is maith do run, sheadh, is fior-mhaitheas agus gradh foirfe i: is ionmhuinn leat thu fein agus t uill’ obbair! is tu an t uillea-chumhachdach, agus cho chruaidh or-t cuish air bith: is tu Cruthai-fhear an t saoghail uille: ghairm thu gach ni o neimh-ni! labhair thu agus dhealbhagh an domhan! thug thu bith do na h ainglibh glor-mhor, agus do gach Spiorad tuigsheach eille! dhealbh thu na flaitheasa uille! lass an sollas air t iartas! chruthaich thu grian agus realta: thug thu dhoibh an cumhachda iongantach, agus an obbair, chum as le an sollas, le an teass, agus le an shiubhal, gu toir iad beatha agus gluasachd, agus gu bith iad chum aimshire agus mithishe, air tallamh. Cia glor-mhor thu O! Thighearna, ann an oibribh iongantach shin do chumhachd! ’Ta am morachd, an gloir, agus am fearta, an-ard os ceann ar tuigshe dhorch-’ne. Bheirr na h ard-aingle ag am bheill eolas a ’s fearr orr-a, na ata ag-ainn, agus a ’ta ag aiteachadh nan aird-ionnada comhnaidh glor-mhor, cliu a ’s fearr na ar cliu’ne d’huts’ an Cruthai- [TD 254] fhear cumhachdach, a dhealbh le t fhocall cruth iongantach an t saoghail, an uair a sheinm realta na maidne coi’-sheirm, agus a bhrish uille mhacraidh De amach le binn-cheol gairdeachaish. Chruthaich thu an tallamh tirrim agus a mhuirr, agus gach creatuir a ’ta ’g an aiteachadh: gach ean agus iasg, gach beathach agus plant’, ann an iomarcaidh iongantaich eagsamhail, le maish agus feartaibh dhealhh thu iad uille. Is iad t oibre mor agus iongantach do-sgrudaidh, an t aer agus na neala, an deallanach agus an tairneannach, na frassa agus an sneachd, gaoth agus crioth-thalmhainn, liona agus tradha iongantach na fairge, sheadh, ’ta a chnuimh no a bhlath a ’s lugha, gu h an-ard os ceann ar tuigshe agus ar n eolaish. Air an abhar shin cionnus a lan-tuigeas daoine bas-mhor, morachd agus riaghail iongantach innealt’ an t saoghail? cionnus a steidhich thu an tallamh air neimh-ni? agus ciod e ata ann a dhoimhne? cia mar ata thu ag congbhail suas, agus ag gluasachd a chruthachaidh uille; agus ag buanachadh a riaghail sheolta? cia mar a dhortas tu gu frassach, fearta cumhachdach solasach an teass neamhaidh anuas air nithe talmhaidh? cia mar a dhruiddeas tu suas an fhairge le dorsaibh gainmhein, agus a rinn thu truscan d’i do na nealaibh, agus crioss-pasgaidh do [TD 255] ’n dorchadas thiugh; ag radh thig an fheadh sho, ach na teid ni ’s faidde? cia mor a Thighearna, agus cia lion-mhor t oibre: le gliocas gun mhearrachd, le maitheas nach traogh, agus le h uillea-chumhachd dhealbh thu iad uille! Ach is e an duin’ an creatuir a ’s luach-mhoir a chruthaich thu dh’ aiteachadh na talmhainn; sheid thu annal na beathaidh ann a phollaruibh, agus dh’ fhas anam beo ann; chruthaich thu e ann an inbh’ a ’s ishle beagan na na h aingle; chuirr thu coroin air do ghloir agus do mhor-luach; thug thu uachdaranachd dh’a os ceann uill’ oibre do lamh’ air tallamh; agus chuirr thu fa a cheansal iad uille. Dhealbh thu e a reir do dhreach fein, thug thu anam tuigsheach dh’ a, toill shaor o fhoirneart, agus commas a curr ann gniomh. Chruthaich thu e chum eolas a ghabhail or-t fein, gradh agus geill a thoirt dh’uts’ a Chruthai-fhear maith, glic agus cumhachdach. Shuidhich thu air tallamh e, chum triall trid na beathaidh sho, dh’ ionsuidh do lathaireachd ghlor-mhoir fein: mar is tu a shealbhadoir, is tu mar an ceadn’ a riaghlai-fhear, a phriomh-mhaith, aird-fhear-commaoin, a chrioch araid agus Athair caomh; chum as gu tugagh e lan-umhlachd neamh-fhuasgailte, agus gradh dh’ut. [TD 256] Thug thu dh’ a reason agus iartas, mar riaghail mhaith, naomha agus cho’-thromaich, chum as le giulan a reir do chomhairle, gu toillicheagh e thu, agus gu shealbhaicheagh e lan-shonnas. Dheonaich thu dh’a gach ni a bha feimeil chum umhlachd, chuirr thu mar fhiacha air le saibhreas do thoir-bheartaish geill a thoirt dh’ut. Ach thuitt e gu gradd o a neimh-chionta, agus o inbh’ urramaich, le pilleagh o Dhia, chreidd e am buaireadair farmadach mealtach, sheadh, an uair a chuirr e farmad agus cealgaireachd ass do leath’sa: mar nach dearbhadh t uill’ oibre agus do throcair iongantach, gur fior agus maith thu. Is e sho a thug an duin’ ammaideach d’a Thighearna, ann eiric a mhaitheish, threig e carraig a shlainte: agus le h aon duine thainig peaca ’s teach do ’n t saoghal, agus bas le peaca. Ach rinn trocair gairdeachas ann aghaidh breitheamhnaish, agus cho do leig thu amach t fhearg iom-lan; ach re bine baish choi’-cheangail thu gealla Fir shaoraidh. O! gu cliudhaicheadh daoine Dia, air son a mhaitheish, agus air son a ghniomhara iongantach do chlainn nan daoine! [TD 257] Mar a thug thu gealla trocaireach do na sheann-athairibh; mar an ceadna, ann an iomlaineachd na h aimshir chuirr thu do Mhac chum an t saoghail. Thainig e, agus ghabh e ar natur’ne chum a dhiadhachd: ghabhagh e leish an spiorad naomha; rugagh le h oigh e; bha e fa ’n lagh; chaidh e fa dhi-meass; ghabh e riochd sheirbhishich air; agus dhealbhadh mar dhuin’ e. O! aontacha iongantach! O! gradh gun choi’-meass! chuirr aingle ann ceill e; ghabh iad iongantas mor dh’e; ransaich iad e; agus shir-dhearcaidh iad ait iomarcaidh gliocaish De. Cia h ishiol anoish is coir do pheacachaibh saorta tuittim, gu h umhal, ag gabhail iongantaish chrabhaich d’ a ghras! cia h ard is coir dhoibh binn-cheol buidheachaish a sheinm d’ am Fear-saoraidh! Thainig e chum an t saoghail sho, a cho’-luadar re daoinibh, chum eolas a thoirt doibh air an Dia neamh-fhaicshionnach, agus air nithe do-learsainn an t saoghail eille: thainig e mar shollas, agus mar shlanai-fhear an t saoghail, a thoirt beatha agus neamh-bhas-mhorachd chum soilshe. Bha e naomha, neamh-choirreach, neamh-thruailte, eidir-dheallaichte o pheacachaibh, agus ag coi’-lionadh gach ceartaish, chum bith mar shagart iom-chuidh, agus mar shlanai-fhear foghain- [TD 258] teach do pheacachaibh. Mhuin e dhuinn le teagasg agus eishempleir fhoirfc, gcill a thoirt do Dhia gu h umhal, di-meass a dheanamh air sant an-barrach saoghalta, fein-speish a sheanadh agus a chroish a ghiulan, chum as gu rig shinn air coroin do ’n ghloir shioruidh. Dh’ uir-ishlich she efein, fa chassoid agus fa an-chaint chealgaich an t sluaigh pheacaich, agus fa bhas maslach craiteach na croiche, chum as gu deanagh e dh’ efein iobhairt agus reiteach air son ar peacaidh, agus eiric air son ar n anama ciontach, chum as gu bith shinn leighishte le a bhuillibh. O gradh gun choi’-meass ar slanai-fhir, a leag shios anam luach-mhor, sheadh, air son a naimhde! chuirr e bas agus uaigh fa cheansal, agus naomhaich she do gach Fir-chreidmheach iad. Air an abhar shin ghabh e co’-pairt ann am fuill agus ann am feoil, chum as trid baish, gu sgriossagh e an diabhol ag an roibh cumhachd baish; agus gu saoragh e an dream a bha le h eagal baish, fa bhruidd, fadd aimshir am beathaidh gu leir. Shollair e coi’-cheangail graish do ’n chinnea-daona, agus naishg she e mar a thiomna le fhuill. Agus anoish ’ta maitheamhnas ag-atsa chum as gu bithir fa t eagal, agus gu toirir geill d’ut le muinghin. O! Athair, is e do ghradh do ’n t saoghal, [TD 259] a thug t aoin-ghinn Mhic dhuinn, chum as cia b’ e neach a chreidmheas ann nach teid e am mugha, ach gu shealbhaich e beatha shioruidh. Bha thu ann Criost ag reiteachadh an t saoghail reut fein, gun am peac’ a churr ass an leath. Thug thu briathar na reite do d’ luchd teagaishg, a churr impidh air luchd-aingidheachd, sheadh, ann a t ainm fein, agus ann an ait Chriost, bith reidh reut. Sparr thu orr-a do throcair a thairgsheadh do gach neach, agus an eigneachadh ’s teach le durachd chum as gu lionar do thigh, agus gu bith bord do mhoir-fhleadha bheannaichte lan le h aoidhibh. Cho chuirr thu cul re h aon neach a thig do t ionsuidh trid Chriost; cho diult thu trocair do neach air bith, ach do ’n duine chrossanta nach gabh r’i gu brath: bheirr thu beatha shioruidh do mhacraidh baish; agus ’ta a bheatha sho ann do Mhac; oir ’ta e leor-chommasach a lain-theassairginn gach neach a thig do t ionsuidhs’ air impidh agus air a chumhnanta fein. Do mhead as a ghabh rish, thug thu commas bith mar mhacraidh De. Thug thu dhoibh Spiorad do Mhic mar an ceadna; sheadh, Spiorad na h uchd-mhacachd, d’ an ath-nuadhachadh do reir t iomhaigh naomha, chum as gu bith iad cosmhuil re an Athair neamhaidh; d’ an naomh- [TD 260] achadh dh’ut fein, agus le dortadh do ghraidh air an anama, d’ an tarraing suas do t ionsuidh fein ann an gradh. Rinn thu popul sonraichte dh’ut fein diu, agus ead-mhor mu dheagh-oibre, chum am bheill thu ’g an aith-ghinneamhainn. Bheirr thu dhoibh mar an ceadna aithreachas chum na beathaidh: agus ceasaidh tu an fheoil le a h ain-miannaibh: teagaishgidh tu dhoibh bith meassara, co’-thromach, diadhaidh; agus teassairgidh tu iad o an droch linn sho; marbhaidh tu an sant an-barrach saoghalta; chum as gu bith an gradh ag-at fein, agus gu bith thu dhoibh mar lan-shonnas. O! cia an gradh leish an do ghradhaich thu sluagh truadh ceannairceach peacach, as gu ’n iompoichteadh iad chum bith mar chlainn De! sheadh, mar oighreacha neamha agus mar cho’-oighreacha le Criost; chum as air fullang duinn leish, gu gloraichir leish shinn. Thog thu t eaglaish air carraig, air an Fhear eidir-mheadhoin bheannaichte; chum as nach buadhaich cumhachd ifrionn ann a h aghaidh. Rinn thu a fear teagaishg, a sagart agus a righ dh’ esin: uaidh-’sin fhuair shinn eolas or-tsa, agus air do thoill. Air a sgath-’san, ta shith, failte, agus commas doll do t ionsuidh ag-ainn. Is e Tighearna nam marbh agus nam beo. Thug [TD 261] thu na h uille nithe ann a lamhaibh, agus dheonaich thu dh’a ard cheansal t eaglaish. An uair a chaidh e suas air neamh, thug e iartas d’ a mhinishteribh, eaglaish uill’ a chruinneachadh, a riaghlachadh, agus a theagasg: thug e an Spiorad gun mhearrachd d’ a Apstolaibh, d’ an treorachadh chum gach firinn; agus Spiorad nan cumhachda miorbhailleach a thogbhail fia’naish leish do ’n t saoghal. Theagaishg iadsan dhuinn gach aon ni air bith a dh’iarr e orr-a, agus thug iad teagasg an scrioptuir dhiadhaidh, do na h aodhairibh agus do ’n luchd teagaishg shin, d’ an d’ ordoich thu a choimhead agus a churr ann ceill, agus rish an d’ earb thu do thread ionaltradh gu crioch an t saoghail. Agus giodh do thruaill peaca, agus giodh do roinn eidir-dheallacha t eaglaishe gu truagh; gidheadh ’ta thu ann am measg, ag giulan leish an an-fainneachd, ag toirt do chomhairle dhoibh, ’g an gairm chum naomhachd, shith, agus graidh; agus is aithne dh’ut do chruithneachd fein ann am measg a mhoill. O gu molladh daoin’ an Tighearna air son a mhaitheish, agus air son a ghniomhara iongantach do chlainn nan daoine: cia glor-mhor thu ann an naomhachd, a Thighearna, agus cia h urramach ann an coi’-thionnal do naomha, agus an [TD 262] uille shluaigh a ’ta timchioll or-t? ’ta naomhachd iom-chuidh air do thigh gu shioruidh: agus ann do theampul labhraidh gach neach air do ghloir. Gu beannaichir t ainm a chruthai-fhir chumhachdaich: gu beannaichir t ainm fhir shaoraidh ghlor-mhoir: agus gu beannaichir t ainm a Spioraid fhior-naomha. O! gu cliudhaicheadh ar n anama morachd an Tighearna le tuille buicheachaish, agus gu deanadh ar Spiorad gairdeachas ann an Dia ar Slanai-fhear, a rinn iochd oir-’n ann ar staidd chailte, oir mairridh do throcair gu shioruidh. Cliu dh’ut air son ar bith. Cliu dh’ut air son ar saoraidh o pheaca agus o ifrionn. Cliu dh’ut gu d’ thug thu shinn le baishte fa choi-cheangal nan grasa, agus chum t eaglaish. Cliu dh’ut air son nan sochaire mor agus diadhaidh sho; nach bheill shinn coimheach coigreach ann am measg nan geintileach agus an t saoghail gun chreiddeimh; ach gu bheill shinn ann an coimhearsnachd nan naomha, agus do theaghlach De. Molla dh’ut gu fead shinn sheassamh ann an lathair do naomhachd, cliu a thoirt dh’ut ann an coi’-thionnal nan creidmheacha, agus nach d’ fhogradh shinn o obbair agus o chuiddeachd naomha. Is fearr la ann do chuirt na mile la. Is fearr leinn doirsh-fhearachd tighe De, na comh- [TD 263] naidh ann an tigh rioghail na h aingidheachd. Is beannaicht’ an dream a chluinn an fhuaim aibhneach, agus a bhitheas tarbhach fa dhruchd neamha; gluaishidh iad ann an dealra do ghnuish, ann t ainm ni iad gairdeachas fadd an laidh, agus ardaichir iad ann do cheartas; oir is tus’ an gloir agus an neart; agus ann do dheagh gheann bithidh iad tearainte, aitt agus aird-inbheach. Ach gu sonraichte, cho ’n fhead an dream a thug thu chum eaglaish fhaic-shionnaich an t sluaigh nuaidh-ghinte, morachd do ghraish a leoir-chliudhachadh. An uair a bha shinn gun Dia anns an t saoghal, agus gun speish neimh-chealgaich ag-ainn diot, ach ag ruagagh ar n ain-mianna feol-mhor, agus diamhanaish chealgaich an t saoghail; an uair nach roibh Dia ann ar smuaintibh, agus nach roibh tlachd ag-ainn ann do shlighe naomha; an uair a rinn shinn di-meass air gras, a chuirr shinn cath air do Spiorad, agus a chuirr shinn peaca re peaca: ann shin ghabh thu truadhas d’inn, air bith dhuinn screattaidh le fuill ar creachda; chuirr thu do bhriathar d’ ar n ionsuidh; thug thu buaidh dh’a air ar n anama crossanta, thug thu oir’-’n smuainteachadh air ar staidd agus air ar slighe, agus dheonaich thu dhuinn cail-eigin do cho’-brutha intinn’ [TD 264] agus do aithreachas. Is solasach ath-smuainteachadh air spairn agus buaidh do ghraish, air caomhalachd do throcair, agus air co’-fhurtachd do ghraidh. An uair a bha eagal oir-’n gu leir-sgriostadh le ar peacaibh shinn, agus nach gabhadh tusa gu brath re sluagh ceannairceach graineil mar shinn; cia saor a mhaith thu dhuinn ar n uille chionta? cia cairdeil a ghlac thu shinn? cia toilleach a nochd thu trocair, agus a thug thu buaidh air ar n anama le lan-shaibhreas do ghraidh? O! cia iomarcach na peacaidh a mhaith thu dhuinn? nach bu mhor saothair do Spioraid re ar n anamaibh ain-eolach, borb, fein-speisheil, ain-meineach, saoghalta, agus eas-umhal! cia h iommad trocair, tearmann, agus co-fhurtachd a dheonaich thu dhuinn o an am shin? Cia h iommad miann a thug thu dhuinn agus a shasaich thu? cia h iommad amhghar a laghdaich no a naomhaich thu! cia h iommad uair sholasach tharbhach a chaith shinn leats’ ann uaigneas! agus leats’ agus le d’ shluagh ann an co’-chommunn nan naomha! is lion-mhor a Thighearna t oibre iongantach, agus do smuainte trocaireach air do luchd-muintiora: nam b’ ail leinn am meass, agus an curr ann ceill gu riaghaileach, rachagh an aireamh tharr ar tuigshe. Agus air an [TD 265] son shin uille, ’ta shinn ann sho, mar shagarta De, ag tairgsheadh iobhairt ar cliu agus ar buidheachaish le gairdeachas, dh’utsa, ar cranchar agus ar slainte shioruidh. An uair a chriochnaichir a bheatha dhocrach ghearr sho, gheall thu dhuinn suaimhneas fa reut fein gu shioruidh. Treoraichidh, agus sduiridh tu shinn le do chomhairle, trid an fhasaich sho, agus bheirr thu shinn ann an am iom-chuidh chum do Ghloir. Cho d’ thug thu dhuinn ann diamhanas na ceatfa sho, do t iarraidh fein, a ghabhail eolaish or-t, a thoirt graidh dh’ut, agus a ghabhail tlachd ann-ut: coi’-lionaidh tu, air chint coi’-lionaidh tu, natur agus gras gu foirfe, agus bheirr thu orr-a gu rig iad air an crich. Cho bhith moir-thionscna, obbair agus fullungas an fhir shaoraidh ann diamhanas. Cho bhrishir do ghealla naishgte. Cho d’ ath-nuadhaich, agus cho do naishg do Spiorad shinn ann an diamhanas chum an laidh bheannaichte. Cho mheall an geall-daighnich, an airlish, agus t fhia’naish a thug thu dhuinn shinn. Cho teid ar mianna agus ar n osna am mugha: agus ’ta tionscna fann na soilshe agus a ghraidh shin, ag reamh-thaishbineadh gu shealbhaich, sheadh, gu lain-shealbhaich shinn foirfeachd mor mar ar mianna, agus [TD 266] mairreannach mar ar n anama. ’Ta shiol sho a ghraish, ag tarragradh gloire: agus ’ta reamh-bhlass a ghraidh ag dearbhadh, gu bith shinn sonna ann do ghradh’sa gu shioruidh. Cho ’n fhag ar duil ann do mhaitheas, cho ’n fhag do Mhac agus do choi’-cheangal, gu brath shinn follamh agus maslaichte. Air an abhar shin, beannaichidh shinn t ainm a Thighearna, mar dhream a shaoragh o bhas agus o ifrionn, mar dhream a dh’ ardaicheadh chum inbhe do chlainne, mar dhream a theassairg thu o an naimhdibh uille; ach gu sonraicht’ uai-’nn fein, agus o ar peacaibh: beannaichidh shinn t ainm, mar dhream a ’ta ag tionscnadh air gloir, agus ag am bheill duil bith sonna le Criost, gu shioruidh air neamh, ass an crannar amach, gach peaca agus dolas, gach namhad agus eagal, agus cho chuirr iad tuille campair air ar n anama gu brath. Gheibh shinn reimh-shealla le suil a chreiddeimh do ’n la shonna shin, do Jerusalem nuadh, do ainglibh gun aireamh, agus do spioradaibh foirfe nan naomha! chi shinn an dealra glor-mhor, an teass-ghradh, agus an coi’-sheirm fhoirfe! chluinn shinn le creiddeimh am binn-cheol buidheachaish agus cliu! roimh-e sho, bha iad ishiol dubh-bronach ann am peaca agus ann an dolas, ann an iomarcaidh laigshe, fullan- [TD 267] gaish agus eagail, mar ata shinn fein. Ach le creiddeimh agus foidhid thug iad buaidh. Agus le creiddeimh agus foidhid is ail leinn ar Tighearna agus iadsan a leanmhainn gu dluth. ’Ta an t am dluth dhuinn ann an iompoichir an fheoil sho chum luaithre gu gradd, agus fuasglar ar n anama o chuibhreach corpora, agus theid iad do t ionsuidh fein. Is gairrid gus an tachair sho. Ann shin, is diom-buan ar peaca agus ar n amhghar: ann shin, chi shinn thu aghaidh re h aghaidh! agus gheibh shinn sollas o d’ Dhealra! cho bhith shinn tuille ag glaodhaich, no ag osnaich ann dorchadas. “Och! gun tuill’ eolaish ag-ainn air do mhor-luach a Thighearna!” ann shin, bheirreamaid gradh fior-ghlan, foirfe, gun truaille, dh’ut; agus cho ’n fheimeamaid bith ag osnaich agus ag glaodhaich, “och! gun ag-ainn anama lasta le gradh dh’ut.” Ann shin, chliudhaicheamaid thu, gu h intinneach, le buidheachas agus le gairdeachas, a ’ta os ceann ar tuigshe agus ar tograidh anns an am sho. O! tuilte soilshe agus graidh bheannaicht’, a shruthas air ar n anama gu shioruidh o d’ ghnuish ghlor-mhoir gun small! cia h an-ard an t sabbait shioruidh, agus an cliu foirfe shin gun tosd, os ceann ar di-chill dhiblidh gun neart! mar ata [TD 268] cathair bhuadhach De, os ceann eaglaish neamh-fhoirfe, leanbaidh, agus aimh-reidh fein air tallamh. Beodhaich a Thighearna, beodhaich ar ciocras ann diaigh na staidde agus an laidh bheannaichte shin. Thig a Thighearn’ Josa, thig gu gradd, agus coi’-lion t fhocall, chum as gu bith shinn leat, agus gu faic shinn do ghloir. Na fuirrich gus am failnich creiddeamh air tallamh. Na fuirrich gus an toir cumhachd an dorchadaish buaidh air fuileach t oighreachd gu h iom-lan, agus gus an dean i an saoghal sho ni ’s cosmhuile re h ifrionn; no gus an sguirr daoine diadhaidh agus treibh-dhireach ann am measg clainn nan daoine. O! c’uin a ghabhas an saoghal reut mar an cruthai-fhear, c’uin a ghabhas iad grain do iodholaibh agus a sguirreas iad do mhi-chreiddeimh? c’uin is oighreachd do d’ Mhac a chuidd eille do ’n t sluagh gheintileach? c’uin is rioghachd dh’a uille rioghachda na talmhuinn? O! c’uin a leannas an tallamh eishempler neamha, agus a ghabhas daoine tlachd ann an deanamh do thoille? c’uin a chuirreas an duin’ uaibhreach, an-saoghalta, agus ain-miannach cul re cealgaireachd, agus a ghluaisheas e gu h umhal naomha le Dia? c’uin a philleas an t ammadan truadh a sheanas an Tighear- [TD 269] na ann a chroidhe, agus nach gairm air t ainm, ach a dh’ itheas do shluagh mar arran? c’uin a bhitheas eagal t ainm air, agus a sguirreas e do chathachadh ann aghaidh a chruthai-fhir? deifrich a Thighearna slainte do shluaigh, agus coimhid iad ann an treibh-dhireas agus ann am foidhid gu brath. Dean trocair air gach eaglaish ain-eolaich agus neimh-iompoichte air tallamh: dion iad o Ain-tighearnas a Phaipe agus Mhahomet, a chongbhas amach meadhona eolaish agus leassachaidh beathaidh: agus aishig dhoibh an cead fhior-ghlaine, agus aoin-fhilteachd aoin-sgeulach, chum as gu bith an sollas ag dealragh amach, a chosnagh an t saoghail gheintilich gun chreiddeimh, a dh’ iommaineagh o Chriost le an truaillidheachd. Dion agus leassaich ni ’s mo, agus ni ’s mo, na h eaglaishe aith-leassaichte; agus aith-bheodhaich eolas, naomhachd, agus shith ann a measg. Beannaich na rioghachda sho, le sollas, naomhachd, agus shith an t soisgeil. Beannaich ar n aon uachdaran laghail, agus a theaghlach rioghail uille, agus gach aon neach eill’ ann ughdaras, beannaich iad, leish gach gliocas, naomhachd agus sonnas, a ’ta feimeil dhoibh fein agus do leass cummanta nan rioghachda sho. Dean na h iochdarana dleasdanach dh’ut fein, agus d’ an uachdaranaibh [TD 270] saoghalta, chum as gu bith ar beatha shio-chainteach, suaimhneach, anns gach diadhachd agus ionracas. Beannaich gach coi’-thionnal le soilshibh lassarradh dealrach; agus tilgir luchd reic agus ceannaidheachd amach ass do theampul. Na bacadh mio-run an diabhoil, no naomh-ghoidd dhaoine, soisgeul do rioghachd, agus na meallagh iad o obbair t fhomhairidh do luchd-saothair coishricte dileas. Deonaich dhuinn nithe feimeil na beathaidh sho, agus bitheamaid lan-toillichte le toirbheartas do laimh; agus sgrioss ar n an-saoghaltachd agus ar n ain-mianna feol-mhor. Teagaishg dhuinn bith beo gach la trid creiddeimh ann ar fear-saoraidh, agus ass a leath’san, deonaich dhuinn shior-chommas doll do t ionsuidh fein. Maith dhuinn peaca gach laidh, agus cuiddich leinn gradh agus maitheamhnas a thoirt do dhaoinibh eille. O! dion shinn o chogar cealgach an diabhoil, o aish-inleachdaibh an t saoghail, o mhealtoireachd luchd peacaidh, agus o gach togra truaillidh feol-mhor. Agus na toir thairrish shinn do pheaca, no d’ar n an-sant; no do mhio-run dhiabhola no dhaoin’ ain-diadhaidh; no do ’n dioghaltas mhilteach a thoill ar peaca. [TD 271] Thoir eolas dhuinn air obbair na beathaidh, agus air mor-luach ar n aimshir ghairrid nach mair ach sheall; agus cuiddich leinn ar n uin a bhuilleachadh chum co’-fhurtachd d’ ar n anamaibh, an uair a ghabhas shinn aith-shealla dh’i. Teagaishg dhuinn mar dh’ aireamhar leinn ar laidh, chum as gu socraich ar croidh’ air gliocas. Na leig dhuinn bith mar an t ammadan, a struidheas le diamhanas an aimshir luach-mhor shin, rish am bheill a shonnas shioruidh ann earbsa, an aimshir, nach fead an saoghal gu leir, a ghairm air a h aish. Deanamaid t obbair le ar n uille neart, gu sonraicht’ ann ar n eallainibh agus ann ar daimhibh fa leath. Deanamaid ar gairm agus ar tagha cinteach. buillicheamaid ar n aimshir, ann an obbair thaitnich a chreiddeimh, na muinghin agus na sheirce. Cum shinn do shior re fairre, agus do ghnath ullamh fa choinne baish agus breitheamhnaish, ag gabhail faddail gus an tig an Tighearna. Bitheagh ar n anama agus ar co’-luadar air neamh, o am bheill duil ag-ainn re ar fear-saoraidh; agus le a bhriatharaibh co’-dhunaidh shinn ar n uill’ urnaighe—“Ar n Athairn’n a ’ta ar neamh, &c.” CRIOCH.