[TD 1] LEABHAR-CEIST NA MATHAIR DO’N LEANABH OG NO REAMH-CHUIDDEACHA Do dhaoine òg ain-eolach chum ’sgu b’àishichte dhoibh Leabhar-aith-ghearr Ceist na HEAGLAISH a thuigsin. GNA-FHOC. xxii. 6. Toir eolas do leanabh air an t slighe ann còir dho gluasachd, agus ’n uair a thig e gu h aoish cho deillich e r’i. HOSEA iv. 6. Ata mo phobulls’ air doll a mugha dhi eolaish. Le J. W. Minishter an t soisgeul ag Dundee. Clo-bhuailt’ san bheurla naoi uaire deug. Agus anoish air na churr an GAILIC chum leass-coitcheann GAIDHEALTACHD ALBA. Entered in Stationer’s Hall. Clo-bhuailt ann GLASSACHA. Gu feim JOIN ORR, agus a Choi’-pairtneiribh; agus r’a chreic ag a bhuth-san ann a margadh-an-t sallain, am bliadhna air TIGHEARNA. M DCC LII. [TD 2] ADVERTISEMENT. THAT JOHN ORR Book-seller in the Salt-mercat, GLASGOW, designs to print several practical Books in the High-land Language if he meets with due Encouragement. RABHADH. GU bheill JOIN ORR fear chreic Leabhairin ann an Margadh an t sallain ann a GLASSACHA toilleach air cuidd do Leabhraibh maith a chlo-bualadh ann san Channoin-Ghaidhealach mu bheirrir deagh-mhisneach dho. [TD 3] Focall do Pharantaibh Criostuigh. A MHUINTIR IONMHUINN ANN A CRIOST, THUGAIBH fanear gu bheill curam anamaibh oir’bhs’ co-maith re Minishteribh. Agus mu ni sibhs’ air cuidd fein, bithigh obbair na Minishteribh, àisheach agus sòlasach dhoibh c’a taitneach a bhithigh e searmoin a dheanadh dhoibh, agus a bhi Ceasnacha na h aittim shin ata air nan ullamhacha roimh-laimh le teagasg an Parantaibh! oir ata, ’n aittim shin soi’-theagasgte, agus ’ta cionn agus tuigse aca air na cinn-theagaisg ata iad ag eisdeachd. Ach mu mhothuicheas sinn daoine ain-eolach neimh-charrantach, feadaidh sinn a bhuidheachas a dheanadh air Parantaibh mi-churamach, O Pharantaibh, ata lagh Dhe agus natuir, agus air bòidibh fein ann an am baistigh, ’gar ceangal a bhi dileish ann a foghlum air cloinn’ òga, an bheill gaol ag’ibh air ar clann, agus an treoruigh sibh iad gu direach chum ifrionn agus damnuidhe? O! deir sibh nar leigidh Dia shin, ach an fead sibh a dheanadh air mhodh is eifeachdaigh, na bhi ’gan tog’ail suas ann an ain-eolas agus neimh-dhiadhachd? an bheill sibh ag faicsin air cloinne bhochd air bhruach furnaish uamhann theinnidh, agus a bhi co-neimh-throcaireach ’sgun rabhadh thoirt dhoibh air? an bheill sibh curamach ann a biadh a shollar do’n cuirp bhàs-mhor agus nach sollair sib’h ni sa bith do’n anamaibh is eigin a bhi beo gu siorruidhe? an bheill sibh ag teagasg dhoibh caint agus coisseachd, agus nach teagaisg sibh dhoibh laissairibh teinne ifrionn a sheachnadh? O Pharantaibh! am bu mhiann leibh a bhi saor O fhuill air cloinne? deanaibh urnuighe air an-son gu diamhair, agus maille reu [TD 4] fein, agus leigibh dhoibh fhaicsin air mor-churam ar-son maith an anamaibh, cummaibh fo’-chois gach droch-ni ionta co’-luath ’sa chitear e. Teagaisgibh dhoibh gur h e Dia is ughdar do’n uille thiolaicigh; agus uime shin gur eigin dhoibh beannachagh iarruidh do’m biadh, agus buidheachas thoirt dho-san air a shon, teagaisgibh dhoibh urnuighe dheanadh, agus cuirribh h uige iad, moch agus an-moch, gach la, ach ni’s trice air la an Tighearna, agus chum cuiddeachagh leibhs’ agus leo-san araon ann sa chuis sho, sgriobh mishe an leabhrann sho a leannas: biodh aon dibh aig gach leanabh oir cuiddeachaigh e leabhar aith-ghearr nan Ceist a mhineacha dhoibh, sollairibh Bioblaibh dhoibh, maille re leabhar-aidmheil an chreiddigh, leabhar-ceist Vincent agus leabhar Ghuthrie ata dearbhagh mu mhuinighin-shlainteil ann an Criost agus an lethidibh shin do leabhrannaibh beaga: tugaibh air ar cloinn air uairibh urnuighe dheanadh ann a co’-chaidre le a cheile, co-maith ’s leo fein gu diamhair; agus deanadh iad urnuighe ann nar ’n eisdeachd fein; agus cuimhnibh dhoibh gu minic, gu bheill suil an De uille-leirsinnich ag dearcadh orra ’n uair a ni iad urnuighe. An uair a thig iad gu h aoish na tuigse, inshibh dhoibh na bòide a ghabh sibh oirbh ass an leath ann an am baiste, agus cuirribh h uige iad chum an ath-nuadhacha gu pearsanta. Tugaibh rabhadh dhoibh gun iad fein a chuibhreacha re foirm urnuighe; inshibh dhoibh a bhi gnathacha briatharaibh agus co’raidh ur ag curr riss ni eigin do’n dealbh fein, do bhri gu bheill barrachd gaoil ag Dia air na briatharaibh shin a thig o’n a chroidhe amach: O Pharantaibh, mar nach bu mhiann leibh air clann a bhi na brisheadh croidhe dh’ibh san t saoghals’ fein; mar nach bu mhaith leibh iad a thachairt oirbh aig Cathair- [TD 5] breitheamhnais Dhe, le guidheachann agus mallacha nar ’n aghaidh; mar nach bu mhiann leibh an cluintin re screineig ann an dorainn gun aithis gun chrioch ann deigh an t saoghails’; bithibh ro-churamach anois an togbhail suas ann an eolas air Dia, agus air an dleastanas dho-san, an truaighe thaoibh natuir, agus an feim ata aca air Josa Criost. Ach O mhatharaibh! ’sann dar’n ionsuidhs’ gu Sonraicht’ ata an leabhars’ air na churr, ata clann gu tric timchioll oirbhs’ ann nan aoish mhaoth, agus ’san agaibhs’ ata an fàth is fearr an teagasg eolas a ghabhail air Dia, agus urnuighe dheanadh riss, gaol a ghabail air Criost, agus fuath air peacadh: an ni a sparras sibhs’ orra is tric leish buannacha leo na dheigh shin: uime shin mar ata gaol agaibh air ar ’n anam fein, agus air anam air cloinne, na dearmadaibh an mor-fhàth ata Dia ag curr ’gar laimh, c’aite bheill air carrantachd mhathaireil do thorradh air bronn, nach leirigh e an croidhe agaibh an cluintin ag screineig, no an faicsin ag frith-rhòstadh ann an teinne ifrionn gun fhuaradh? O saoth’raibh uime shin am bacail ann ’nam, le air teagasg tràth, agus urnuighe air an-son, bha sibh ann a mor-dhorainn re am an cead-bhreith; O bithigh air ’n anam ann a mor-shaothair mu’n dara breith, mar ata iad tre natuir nan cloinn agaibhs’ gu bitheagh iad tre graish nan cloinn ag Dia meadhonaibh chum a mholaidh oidhreibh a ghraish, agus soitheachaibh gloire. [TD 6] Focall do Chloinn Oig. A LEANABANNA DILEISH, ATA mi ag aslachagh oirbhs’ ann an ainm Dhe, air Cruthai’-fhear a chuimhneacha ann laethibh air ’n òige. Bha sibh gu h òg air ’n ar toirt suas do Dhia ann an am air baistigh, agus ghabh sibh nar saigheid-fheara fuidh bhrattaich chriost’ cuirribh uime shin air ’n eolas a steach tràth air Dia, agus air Criost tre urnuighe; agus mar shin bithigh urnuighe na ni sòlasach leibh na dheigh shin. Thigibh a dh’ionsuidh’ Dhe le suilbhireachd moch is an-moch: tugaibh air ’n uireas’uibh agus air gearrain uille a ionsuidhe, agus dòrtaibh amach air croidheachaibh ann na uchd, creiddibh e, ni bheill luinnig is binne ann a cluasaibh Dhe, na urnuighe leanabainn òga. Chuirr mi sios cuidd dh’ fhoirm urnuighe chum a bhi na chuiddeachagh do dhaoine a toiseachagh, gidheagh ni bheill mi ag iarruidh o’irbh an gnathachagh ni’s faidde no an t am dh’ feadas sibh urnuighe dheanadh ass an feugmhais, deanaibh dicheall urnuige an Tighearna, an Chreid, agus na deich aitheanta fhaotain air mheoghair, agus cuidd do shailmibh Dhaibhi co’-luath ’s is urrain sibh: agus mar an ceadn’ leabhar aith-ghearr Ceist na h eaglaish sho, ata na leabhar aith-ghearr oirdheirc air cinn a chreiddigh-chriostuigh. Agus chum ’s gu b’ fhearde thuigidh sibh cuidd do nithibh ata ann, nach bheill co’-soilleir do dhaoine ata ag toiseachagh, chuirr mi r’a cheile dhibh an cuiddeachagh sho leannas; bithigh e àisheach dhibh fhaotain air mheoghair. ’S fearr gu mor dhibh air meoghair a luchdach- [TD 7] agh leish na nithe sho, no le duannagaibh, òrain, no sgeultaibh faoin. A chlann ionmhuinn, ata am na h òige na am toighte d’ ar ’n anamaibh, buillibh gu maith e. Sibh munighin agus co’-fhurtachd Minishteiribh, co’-maith ’s air Parantaibh fein: O eisdibh r’ an comhairlibh, agus ni h ann do bhriatharaibh an aibhseir, seachnaibh cuiddeachd gach cloinne bhi’s ag curr re breagaibh, re mionnacha, agus olc; agus gabhaibh tlachd ann a cuiddeachd na h aittim shin ann a bheill miann a bhi diadhaigh. Tugaibh an airre gun cliuch air chartaibh, no dishneibh, agus an leithide shin do chliuchaibh cealgach gu h araid, guidhim oirbh cuimhnibh la na sàboide choimhid naomha; tugaibh an airre do air smuaintibh, air briatharaibh, agus air gniomharaibh, agus feithibh gu curamach air searmonaibh air an la sho; agus bithibh ullamh cuntas a thoirt do air Parantaibh h uin’ na h oich air an ni chuala sibh feadh an la, agus freagra thoirt air na Ceistean ata ann a leabhar nan Ceist. O! tugaibh urram agus umhlachd do air Parantaibh, agus cuimhnibh creud a deir Solamh an duine glic, Gna’-fhoc. xxiii. 22. Toir eisdeachd do t athair ghein thu, agus na dean di’-meass air do mhathair ’nuair a bhi’s i aosta. Ni mac glic athair aobhach. ’Seigin do air Parantaibh cuntas a thoirt do Dhia air ar-son; ach cuimhnibh mu’n toir sibhs’ umhlachd do an iartaish-san, bithigh air fuill air ar ceann fein, agus bithigh iad-san saor uaithe. Na saolaibh gu caomhain ceartas sibh, chean sibh òg, ma gheibh e sibh ag caitheamh air beath’ a feugmhais Chriost, agus a feugmhais urnuighe; agus ann a peacadh: cho chaomhain, cho chaomhain, feadaidh sibh uaighibh dar tomhas fein, agus claigginn dar mead fein fhaicsin ann san chlagh, agus loisgidh teinne ifrionn iurain-ghlas, co-maith re sein [TD 8] stobbain. O ma-seadh, mu bu mhaith leibh a bhi air nar teassairginn, O ifrionn; agus a bhi sonna gu siorruidhe, teichibh o’n Diabhol, agus o’n pheacadh, dh’ionsuidhe air Tighearna Josa Criost bhur Slanai’-fhear, a deir mu chloinn òga, fuilnibh dhoibh teachd dom ionsuidhs’, oir ’sann le’n leithid-san ata rioghachd Dhe air na deanadh suas: Agus ’n uair a theichis sibh dh’ionsuidhe Chriost, feach gu buannuigh sibh maille riss, leantain air feadh air saoghail, gun doll a choiche air aish chum a pheacaidh. Griosaibh air a Spiorad a thoirt dhibh dar treorachagh, agus a chuiddeacha leibh dearcadh suas, agus Abba Athair a ghlaoch a mach. ’Se Spiorad De amhain is fearr a dh’fheadas seoladh thoirt dhibh ciod e mar ni sibh urnuighe, O nach tigeadh e chum air croidheachaibh; oir ’n uair a thig eisin, cho bhi ach beagan feim air foirm urnuighe ni’s faidde. [TD 9] Cuidd do CHEISTlBH aith-ghearr agus Aisheach iomchuidh a theagasg Chloinne Oga, agus aittim eille, mu’n bi iad commasach leabhar aith-ghear nan Ceist fhaotain air mheoghair agus a thuigsin. Ceist. CO rinn thu? Freagar. Rinn Dia. C. Co e an neach ata ga do shaoradh? F. Tha Criost. C. Co e an neach ata ga do naomhacha? F. Tha an Spiorad-naomh. C. Cia dheth d’an d’rinneadh thu? F. Do dhuslach na talmhain. C. Ciod e ata shin ga theagasg dhuit? F. Bhi irisheal agus cuimhneach air an bhàs. C. C’a uime an d’ rinneadh thu? F. Dheanadh seirbhis do Dhia. C. Ciod e an modh air an coir dhuit seirbhis a dheanadh do Dhia? F. Le umhlachd thoirt da aitheantaibh, earbsa dheanadh ass, le leabhagh, eisdachd, urnuighe, agus moladh, &c. C. Creud e an ni araid bu choir dhuit a chuimhneacha, ann laethibh h òige? F. Mo Cruthai’-fhear, agus m’fhear-saoruigh. C. C’aite ann bheill t aird-shonnas ag coi’-sheassamh? F. Ann an Dia mhealtuin. C. Ciod e ata Dia gu h araid ag iarruidh ort? F. Creidsin ann, agus umhlacha dho. [TD 10] C. Creud i riaghail do chreiddigh, agus t umhlachd? F. Na Scrioptuiribh naomha. C. C’aite bheill iad air na curr sios? F. Ann san t sein-tiomna agus ann san tiomna-nuadh. C. Cia mar Thoiseachas, agus mar chriochnachas an sein tiomna? F. Ata e ga Toiseachagh le leabhar-nan-Geinilibh, agus ag criochnachagh le Malachi. C. Cia mar Thoiseachas agus mar chriochnachas an tiomna-nuadh? F. Ata e ag Toiseachagh le Mattha, agus ag criochnachagh le leabhar-an-Fhoilsichigh. C. Nach e an Biobla leabhar is fearr air a n t shaoghal gu h uilligh? F. ’Se gu beachduigh. C. Cia mar shin? F. Do bhri’ gur h e Dia is Ughdar dho, agus gu bheill a bhriathara air nan deachdagh leish. C. Nach bu choir dhuits’ a bhi dicheallach dh’fhoghlum a leabhagh agus a thuigsin? F. Bu choir dhomh. C. Creud e Dia? F. Is Spiorad e. C. Creud e Spiorad? F. Bith neimh-fhaicsinneach nach bheill air na dheanadh suas dh’fhiull, agus dh’fheoil, mar ata sinne. C. An bheill Spioruid sa bith eille ann ach Dia? F. Tha. C. Creud iad? F. Ainglibh, agus anamibh dhaoine. C. Creud e an t eidir-dheallacha ata eidir iadsan agus Dia? F. Ni bheill ann an ainglibh, agus ann anamaibh [TD 11] dhaoine, ach Spioruid chruthaicht’, chriochnaicht’ ach ata Dia na Spiorad neimh-chruthaicht’ neimh-chriochnaicht’. C. An roibh toiseach sa bith ag Dia? F. Cha roibh. C. Am bi deirreagh sa bith air? F. Cha bhi. C. An bheill e ann o bhith-bhuantachd, gu bith-bhuantachd? F. Tha. C. An roibh toiseach ag ainglibh, agus ag anamaibh dhaoine? F. Bha. C. Co thug shin dhoibh? F. Thug Dia. C. Nach bheill Dia ni’s ro-ghlor-mhoire na ’s commasaich sinne bhreathnacha? F. Tha. C. C’a mhead Dia ata ann? F. Ni bheill ach aon amhain. C. Ca’ mhead pearsa ’ta san diadhachd? F. Tri pearsa. C. Creud iad? F. An T athair, an Mac, agus an Spiorad-naomh. C. Nach ionnan natur do’n triur shin? F. ’S ionnan. C. An roibh toiseach ag an t shaoghal? F. Bha. C. Co rinn e? F. Rinn Dia. C. Co dheth an d’rinn se e? F. Do neimh-ni. C. Co leish an d’rinn se e? F. Le focall a chumhachd. C. C’a fhad an uin’ ann drinn se e? F. Ann an uin se laethibh. [TD 12] C. Ciod e an staidd ann an d’rinn se na h uille nithe? F. Rinn se na h uille nithe ro-mhaith. C. Co do na laethibh air an d’rinneadh an duine? F. Air an t seiseadh la. C. Ciod e rinn Dia air an t seachdadh la? F. Ghabh e foish o na uille obbair, agus naomhaich se e, chum a bhi na shàboide dho-fein. C. Co e an chead fhear, agus an chead bhean, a bha air an t shaoghal? F. Adhamh, agus Eubha. C. Creud i an staidd ann do chruthachagh iad? F. Ann an staidd naomha agus shonna. C. An roibh iad saor O gach uille pheacadh, agus truaighe? F. Bha. C. An do mhairr iad ann san staid sho? F. Cha do mhairr. C. Cia mar thuit iad uaithe? F. Le brisheadh cumhnant re Dia. C. C’a mhead cumhnant a rinn Dia riss an duine? F. Da chumhnant. C. Creud iad? F. Cumhnant nan oibridh, agus cumhnant nan gras. C. Co riss an d’rinn Dia cumhnant nan oibridh? F. Re air cead sinsiribh Adhamh, agus Eubha. C. ’Nann nan ainm fein amhain a rinneadh e? F. Ni h ann amhain nan ainm fein, ach ann an ainm an sliochd gu h iomlan. C. Co riss an d’rinn Dia cumhnant nan gras? F. Riss na daoine taght’ ann an Criost, no re Criost ann an ainm nan daoine taght’. C. Co iad na daoine taght? F. An dream shin a roighnich Dia O shiorruid- [TD 13] heachd, agus a thug e do Chriost, chum an saoragh O fheirg. C. Creud iad na briathara, no an ceangal, a bha ann a cumhnant nan oibridh? F. Dean sho agus mairr beo. C. Creud iad briathara, no ceangal chumhnant nan gras? F. Creidd ann san Tighearna Josa Criost, agus bithigh thu air do shàbhalacha. C. C’a uime ghoirrear cumhnant nan oibridh do’n chead chumhnant? F. Do bhri gur b’ oibridh, no umhlachd a bu cheangal ann. C. Ciod e an ghne umhlachd a bha air na iarruidh ann? C. Umhlachd iomlan. C. C’a uime an goirrear cumhnant beatha dheth? F. Do bhri gur bi bheatha an luigheachd a bha air na ghealladh ar-son a choimhid. C. Ciod e an ghne bheatha gheall e? F. Beatha-aimsireil, spioradail, agus shiorruidhe. C. Ciod e an paineachas a bha air na bhagradh ar-son an cumhnant sho bhrisheadh? F. Bha am bàs, oir dubhairt Dia, ann san la dh’ itheas tu, gheibh thu bàs gu dimhin. C. Ciod e an ghne bhàis bha ann? F. Bàs-aimsireil, spioradail, agus siorruidhe. C. Creud e an bàs-aimsireil? F. Eidir-scarrachduin an anama, agus an chuirp r’a cheile. C. Creud e an bàs-spioradail? F. Eidir-scarrachduin an anama O Dhia. C. Creud e an bàs-siorruidhe? F. Eidir-scarrachduin an anama, agus a chuirp araon O Dhia gu siorruidhe. C. An do choimhid air cead sinsiribh cumhnant nan oibridh? [TD 14] F. Cha do choimhid. C. Cia mar bhrish iad e? F. Le ithe do’n mheas-thoirmisgt’. C. Co thoirmisg dhoibh ithe? F. Thoirmisg Dia. C. Co dhiarr orra ithe? F. Dhiarr an Diabhol. C. An roibh e na pheaca mor dhoibh ithe? F. Bha. C. Cia mar shin. F. Do bhri le na ithe, gu d’ tug iad eas-umhlachd do Dhia, pheacaidh iad ann aghaidh an t sholluis a bu mhò, bh’ iad neimh-thaingeil do Dhia, neimh-thoilleach le na staidd fein, agus chreidd iad an Diabhol a raoghain air Dia. C. An d’ tanic air cead sinsiribh agus an sliochd gu h iomlan fuidh phaineachas an chead chumhnant air a shon sho? F. Thainic. C. An d’ fhuair iad bàs an la shin fein dh’ ithe iad an meas-toirmisgt’? F. Fuair iad bàs-spioradail an la shin, agus bha iad fuidh bheinn an bhàis-aimsireil agus shiorruidhe. C. Nach do chaill iad sonnas mor le nan leagadh? F. Chaill. C. Ciod e chaill iad? F. Chaill iad Jomhaigh Dhe agus co’-chommunn re Dia. C. Ciod e ata thu ag ciallacha thaoibh Jomhaigh Dhe chaill iad? F. An naomhachd, agus an fhior-ghloine shin bha air na shuigheacha ann na natuiribh thaoibh an chruthaigh d’an goirrear mar an ceadna an chead-fhirinteachd. C. Ciod e tha thu ag ciallacha thaoibh an cho’-chommuinn re Dia chaill iad? [TD 15] F. An co’-chaidreadh, agus an co’-chommunn sòlasach a bha ag air cead sinsiribh re Dia air thoiseach air an leagadh. C. Nach bheill slighe air bith ann leish am bi na beannachaigh mhoir shin air nan aisheag dhuinn arish? F. Tha tre Josa Criost. C. An bheill thu fa bheinn gach caill agus truaighe a thug Adhamh air fein leish an leagadh? F. Tha mi. C. Ciod e mar dh’fheadas shin a bhith ’n uair nach d’rugadh thu an shin? F. Bhri gu do thaisbeanadh mishe le Adhamh ann san chead chumhnant, agus cheangail se e-fein air mo shons’, agus ar son a shliochd gu h uillidh. C. Creud i an staidd ann a bheill an duine air na bhreith anoish? F. Ann staidd peacaidh, agus truaighe. C. An d’tug thu peacadh sa bith chum an t shaoghail leat? F. Thug. C. C’ainm a deir thu riss? F. Peaca-gein. C. Ciod e shin peaca-gein? F. An peacadh ata air na iomachar a nuas chugam le mo pharantaibh O Adhamh. C. An bheill thussa araon ciontach, agus sallach leish an pheaca sho? F. Tha mi. C. An bheill do nadur sallach, agus truailligh leish? F. Tha ma-seadh. C. Cia mar is fioss dhuit shin? F. Do bhri gu moithich mi mo chroidhe thaoibh naduir mall chum an ni ’ta maith, agus ullamh chum an ni’ta olc. C. An foghnadh peaca-gein chum do dhamnuighe cad nach biodh peacadh eille iddir ort? [TD 16] F. Dh’fhoghnadh gu dimhin. C. Ciod e an peacadh eille ’ta ort a bharr air peaca-gein? F. Ata peaca-gniomh orm mar an ceadna. C. Creud e shin peaca-gniomh? F. An peacadh shin ata mi ga dheanadh gach la, ann a smuaintigh, ann a briathar, agus ann a gniomh. C. An e an peaca-gein an tobbar o’n bheill gach peaca-gniomh ag sruthagh? F. ’Se gun amharas. C. Nach bheill sinn anoish truailligh, co’-maith agus peacach, a thaoibh an leagaidh? F. Tha sinn. C. Creud iad na truaighibh a thug an leagadh oirn? F. Tri seoird, aimsireil, spioradail, agus siorruidhe. C. Creud iad shin na truaighibh-aimsireil? F. Triobloidibh, agus amh-ghair an chuirp. C. Creud iad shin? F. An leithid sho jodhon, goirt, cogadh, càs, bochduin, maslagh, tinnish, agus guinn a bhàish fa-dheirreagh. C. Creud iad na truaigibh-spioradail ata an carr dhuinn a thaoibh an leagaidh? F. Plaighibh, agus gallaribh, an anama. C. Creud iad shin? F. Iad sho jodhon, easbhuidh Jomhaigh Dhe agus co’-chommunn leish, daill-intinn, cruas-croidhe, coguish neimh-mhothachail, laigse-mheoghair, agus an leithide shin. C. Creud iad na truaighibh siorruidhe ata an carr dhuinn? F. Piantaibh ifrionn na dheigh sho nach teirric an feast. C. An bheill teassairgin sa bith aig an duine ata cailte le brisheadh an lagh? F. Tha. [TD 17] C. An do thoisich Dia air cumhnant eille dheanadh rinn? F. Thoisich. C. Creud a ghoirrear dheth? F. Cumhnant nan gras. C. C’a uime ghoirrear shin dheth? F. Do bhri gu bheill gach ni ’ta air na gheallagh ann na thiolacagh saor dhuinn O Dhia, agus fòs ann san creiddeamh fein, noch is se an ceangal ata air na iarraidh oirne chum air ’n aonacha re Criost, agus sochair an chumhnant sho. C. Nach bheill an cumhnant sho ni’s oirdheirce gu mor na chead chumhnant? F. Tha gu mor. C. An roibh commas eidir mheadhonair ann san chead chumhnant? F. Cha roibh. C. An roibh luigheasacha air aithreachas, no geallagh air maitheamhnas peacaidh ann? F. Cha roibh. C. An bheill cumhnant nan gras ga’n luigheasacha shin? F. Tha. C. An fead cumhnant nan gras a bhi air na bhrisheadh no air na sgaoileadh le air peacaidh-ne mar bha cumhnant nan oibridh? F. Cha ’n fhead. C. An bheill sho na àbhar meisnigh dhuinne dholl air ar’n aghaidh ann an peacadh? F. Cho ’n bheill iddir, ach fòs chum naomhachd, cha ’n fhead sinn peacachagh chean gu bheill gras saibhir. C. C’a uime bheill cumhnant nan gras co’-seasmhach dainginn? F. Do bhri gu bheill eidir-mheadhonair, agus urras ann chum freagar air ar-son. [TD 18] C. Co dh’ ullamhuigh an t urras oirdhearc sho dhuinne? F. Dh’ ullamhuigh Dia. C. Ciod e bhrosduigh air chum shin a dheanadh? F. Shaor-ghradh fein. C. An do thoill an duine ni sa bith air laimh Dhe, ann na staidd chailte? F. Cha do thoill ni sa bith, ach feirg ar-son a pheacaidh. C. Ciod e mar ata duil agats’ maitheamhnas fhaotain ann do pheacaidh? F. Tre Josa Criost an t urras ar-son peacachaibh chailte. C. An toir Dia maitheamhnas ann do pheacaidh dhuit, gun dioladh air bith do a cheartas? F. Cho toir e. C. An bheill thussa commasach ceartas Dhe dhioladh ar-son do pheacaidh fein? F. Cha ’n bheill mi. C. An bheill Dia toilleach dioladh a ghabhail O neach eille air do shonsa? F. Tha e. C. Ach co ’ta commasach, no toilleach an dioladh shin thoirt seachad air ar-son? F. Tha Josa Criost araon commasach, agus toilleach. C. An roibh neach air bith eille commasach ach eisin amhain? F. Cha roibh neach. C. Ciod e b’ àbhar do shin? F. Do bhri nach roibh neach sa bith eille ach eisin commasach air feirg neimh-chriochnuigheach iomachar. C. Co e Josa Criost sho? F. Mac siorruidhe Dhe, agus an dara pearsa do ’n trionoid-ghlor-mhor. C. An bheill aittim air bith eille aig Dia da ’n [TD 19] goirrear a Chlann, a bharr air ar Tighearna Josa Criost? F. Tha. C. Co iad? F. Ainglibh agus Creidmheachibh. C. Am bi deirreagh sa bith ag ainglibh, agus ag anamaibh dhaoine? F. Cho bhi. C. Nach bheill eidir-dheallacha mor eidir iadsan, agus Criost? F. Tha ma-seadh. C. Cia mar ata ainglibh nan clann ag Dia? F. Thaoibh cruthachagh neimh-mheadhonach, ann san t seadh sho goirrear do dh’ Adhamh mac Dhe. C. Cia mar ata creidmheachibh nan clann do Dhia? F. Tre aith-gheintinn agus uchd-mhacachd. C. Cia mar ata Criost na mhac do Dhia? F. thaoibh geiniligh shiorruidhe agus air an àbhar shin goirrear dheth aon-mhac. C. Ciod e rinn Criost ar-son peacachaibh chailte? F. Ghabh e os-laimh a bhi na eidir-meadhonair eidir Dia agus iad-san ann cumhnant na saoirshe. C. Co iad ata e gan saoradh? F. Na daoine taght’. C. Co uaidh’ ata e gan saoradh? F. O pheacadh, agus O ifrionn. C. Cia mar chuirr Criost an gniomh an ni ghabh e os-laimh? F. Ghabh e air natuir-ne air fein, agus dhoirt e fhuill phriosoil air ar-son. C. C’a mhead natur ata aig Criost? F. Da natur. C. Creud iad? F. Natur Dhia, agus natur dhuine. [TD 20] C. C’a uime am b’ eigin do air fear-saoruidh a bhi na Dhia agus na dhuine? F. Bha e na dhuine chum bàsachagh air ar-son, agus na Dhia chum buaghachagh air an bhàs. C. An roibh an da natur shin aige an comhnuidhe? F. Cha roibh. C. Nach roibh e na Dhia O shiorruidhachd? F. Bha. C. An roibh e na duine O shiorruidhachd? F. Cha roibh. C. C’ uin’ dh’ fhàs e na dhuine? F. Ann an iomlanachd na h aimsir an uair a bha an t slat-rioghoil ag deallacha re Judah. C. An mairr e na Dhia, agus na dhuine gu siorruidhe? F. Mairridh e. C. Cia mar dh’ fhàs e na dhuine? F. Le fior-chorp, agus anam a ghabbail chuige fein. C. Co leish an roibh e air na bhreith? F. Leish an òighe Muire. C. An roibh athair sa bith aig-e air an tallamh? F. Cha roibh. C. Cia mar ghinneagh e mata? F. Le cumhachd an spioruid-naoimh. C. C’a uime an roibh e air na gheinmhin air an mhodh sho? F. Chum ’s gu biodh e saor o’n a pheaca-ghein. C. An roibh peacadh, no truailleachd air bith ann-san? F. Cha roibh. C. C’ aite ann an roibh e air na bhreith? F. Ann an Bethlehem. C. Co an treabh o’n d’ tainic e? F. O threabh Jhudah. C. Co an teaghlach o’n d’ tainic e? [TD 21] F. O theaghlach Dhaibhi. C. Ciod e an staidd ann roibh Criost air na bhreith? F. Ann a staidd isheal. C. Ciod e an staidd bh’ ann? F. Rugadh e le mnaoi bheag-inbheach, ann a stàbal, agus air na churr na luighe ann a gribbadh. C. An do chaith e beath’ isheal ann san t shaoghal? F. Chaith e. C. C’a uime an d’ rinn e sho uille? F. Rinn air ar-soinne. C. An do ghabh e air fein ain-fhainneachd sa bith a bhuinneadh d’ ar natuir-ne? F. ghabh e, an chuidd shin dhibh a bha Coitcheann, agus neimh-lochdach. C. Creud iad shin? F. An leithid’ sho, Jodhon, doilleas, sgios, ocras, iota, coddal, fallash, fhuill a dhortadh. &c. C. C’a uime ’n do ghabh e iad sho air-fein? F. Chum ’s gu b’fhearde a dheanadh e comh-fhullang leinne ann air ’n amh-gharraibh. C. Cia uime ghoirrear Josa do air fear-saoruidh-ne? F. Do bhri gu sàbhail e phobul O na peacaidh. C. Cia uime ghoirrear Criost do air fear-saoruidh-ne? F. Do bhri gu roibh e air na ordocha agus air na chuirr air leath chum òifig Eidir-mheadhon-aireachd. C. C’a mhead òifig chum an d’ ordochadh e? F. Chum triur. C. Creud iad? F. òifig Fàidh, Sagairt agus Riogh. C. An bheill feim agats air Eidir-mheadhonair leish na tri òifigibh shin? [TD 22] F. Tha ma-seadh. C. Cia uime am b’ eigin dh’ òifig Eidir-mheadhonaireachd Chriost a bhi na tri choddaibh? F. A fhreagar mo thri truaighibhs’. C. Creud iad shin? F. Iad sho, Jodhon, ain-eolas, ciont, agus daoirse. C. Ciod e an feim ata agat air Criost mar Fhàidh? F. Chum mo theagasg, agus a leigheas m’ ain-eolaish. C. Ciod e an feim ata agat air Criost mar Shagairt? F. A dheanadh siochaint ar-son mo chiont, agus Eidir-ghuidhe re Dia air mo shon. C. Ciod e an feim ata agat air Criost mar Riogh? F. Chum mo shaoradh O dhaoirse, agus mo riaghalacha le na lagh. C. Cia mar ata Criost ag leigheas t ain-eolaish? F. Le na fhocall, agus le na spiorad ga mo theagasg. C. Cia mar ata se ag deanadh sioth ar-son air Ciont? F. Le na bhàs, agus ga thoirt fein suas na Jobairt air ar-son air an Chroish. C. Cia mar ata se ga’r saoradh O dhaoirse? F. Le na cumhachd fein ag tabhairt obbair na h aith-ghinneamhuinn, agus na naomhachd, air a h aghaidh ann’ine. C. Ciod e an bàs fuair Criost air ar-son? F. Bàs na Croishe. C. Ciod e an ghne bhàis a bha ann a shin? F. Bàs malluicht’ nàireach, agus dòrainneach. C. Ciod e an chrioch mu’n dh’fhuair e bàs? F. Chum a bhi na Jobairt bheannaicht’ a dhio- [TD 23] ladh ceartaish ar-son peacaidh, agus chum sinne reitheacha re Dia. C. Creud i an Jobairt a thug Criost air ar-son? F. Thug se e-fein. C. Cia achd thug e suas anam na chorp? F. Thug se suas iad araon air ar-son. C. An d’fhuilling e amhain piantaibh a bhàish air ar-son? F. Dh’ fhuilling e piantaibh ifrionn mar an ceadn’. C. An d’ fhuilling e ann na chorp amhain air ar-son? F. Dh’ fhuilling e ann na anam mar an ceadn’. C. An d’ fhuilling e feirg dhaoine agus dhiabhlaibh amhain air ar-son? F. Dh’ fuilling e feirg Dhe mar an ceadn’. C. C’ aite ann an d’ rinn e sho gu sonraicht’? F. Ann san gharadh, agus air an Chroish. C. Cia mar ata fioss agat gu d’ fhuilling e ann na anam? F. Leish an fhallash-fholla, agus leish na briathara labhair e ann ’s na trathaibh shin. C. An roibh ceartas Dhe lan-dhiolte leish na dh’ fhuilling Criost ar son a mhuintir-fein? F. Bha ma-seadh. C. An iarr Dia tuillidh diolaidh orra-san? F. Cho ’n iarr. C. Cia mar ata fioss agats’ air a shin. F. Do bhri’ gu dubhairt Criost air an Chroish, ata se air na chriochnacha, agus thiommuinn e suas a spiorad, agus na dheigh shin bha e air na dhusgadh o’n uaigh. C. Ciod e bu doll do Chriost an deigh a bhàis? F. Bha chorp air na adhlacadh ann san uaigh, agus chaidh anam gu Phàraish. [TD 24] C. An do mhairr an aonachd eidir da natur Chriost seadh fòs ca do fuair e bàs? F. Mhairr ma-seadh. C. An do mhairr e fadda ann an staidd na marbh? F. Cha do mhairr. C. C’ uine dh’ eirigh e o’n uaigh? F. Air an treas la an deigh a bhàis. C. Co an la do’n t sheachd-uin’ bh’ann ’n uair a dh’ eirigh e? F. An chead la do’n t sheachd-uin’, agus O shin a leath goirrear la an Tighearna dheth. C. An roibh an t shàboide san am shin air na h atharacha o’n t sheachda la, gus an chead la do’n t sheachd-uin’? F. Bha gun amharas. C. C’a uime an d’ rinneadh an t atharacha sho? F. Mar onoir do air fear saoruidh-ne an coinne ’s gu cumadhmaid suas gu buan cuimhne air aisheirigh ghlor-mhor-san agus a bhuaigh thar gach namhad ata aige-san agus againne. C. Co iad na naimhdibh shin? F. An diabhol, an saoghal, an peacadh, an bàs, agus ifrionn. C An facadh Criost truailleachd ann san uaigh? F. Cho ’n fhaca. C. Cia mar thachair shin? F. Do bhri gu roibh e gun pheacadh. C. Co an cumhachd leish an d’ eirigh e? F. Le cumhachd a dhiadhachd fein. C. C’a uime an d’ eirigh e? F. A thaisbeannadh gu roibh ceartas lan-diolte, agus gu roibh a naimhdibh uille ceansaichte. C. C’a fhad a dh’ fhan Criost air an tallamh an deish dho eirigh? F. Da-fhichid la. C. Cia mar chaith e an uin’ shin? [TD 25] F. A lan-bheachdacha dheisciopla, agus gan teagasg ann a nithibh bhuinneas do Rioghachd-Dhe. C. Ciod e rinn e na dheigh shin? F. Chaidh e suas air neamh. C. C’ aite an bheill e na shuidhe? F. Air deas-laimh Dhe. C. Ciod e ata e ga dheanadh? F. A deanadh eidir-ghuidhe air ar-soinne. C. An tig e an feast chum an t shaoghails’ arish? F. Thig. C. C’ uine? F. ag an la dheirreannach. C. An bheill fioss aig neach air bith c’ uin’ bhi’s an la shin ann? F. Cho ’n bheill. C. C’a uime an bheill Dia ag conbhail an la shin an follach uain-ne? F. Chum ’s gu deanadhmaid fairre gach la, agus a bhi do ghna air ar fai’cill. C. Ciod e an modh air an tig Criost arish? F. Air mhodh ro-ghlor-mhor, le na ainglibh ag feitheamh air. C. Ciod e an chrioch mu ’n tig e? F. A thabhairt breith air an t shaoghal. C. Co iad air an toir e breith ann san la shin? F. Araon air bheo, agus air mhairbh, agus air gach uille neach, a bha, ata, no bhithis air an t shaoghal. C. Am bi gach neach ata marbh ann shin air nan dusgadh O na’n uaighibh? F. Bithigh gun amharas. C. Ciod e na Cuirp leish an eirigh iad? F. Leish na Cuirp cheadn’ shin a bha aca roimhe thaoibh briogh, ach le atharacha buaighibh. C. Cia mar dhuisgir na mairbh? [TD 26] F. Le treun-ghuth an aird-aingil, agus le fuaim na troimpeit dheirreannaidh. C. Nach bi eidir-dheallach mor eidir aish-eirigh nan fireanneacha, agus nan aingidh? F. Bithigh ma-seadh. C. Ciod e an t eidir-dheallacha bhi’s ann? F. Eirichidh na fireannaich le gloir, agus buaigh, ach na h aingidh le ball-chrith agus uamhann. C. An eigin dhoibh uille teachd ann lathair Cathair-breitheamhnaish Chriost? F. ’S egin gu dimhin. C. Co bheirr ann iad? F. Bheirr na h aingil. C. Co iad a chuirreas am breitheamh air a laimh-dheish? F. Cuirridh na fireannaibh. C. Ciod e an bheinn a theid orra-san? F. Thigibhs’ a dhaoine beannuicht’ m’ athair-sa shealbhachaibh an Rioghachd bha air na h ullamhacha dh’ibh mu’n do leagadh bunnachar an domhain. C. Co chuirreas am breitheamh air a laimh-chli? F. Cuirridh na h aingidh. C. Ciod e an bheinn a theid orra-san? F. Imichibh uams’ sibhs’ aittim mhallaicht’ gu teinnidh-shiorruidhe air na h ullamhacha do ’n Diabhol, agus do a chuidd ainglibh. C. Co iad an dream do ’n goirrear na fireannaibh ann san la shin? F. An dream shin amhain ata air nan sgeuddacha le firinteachd Chriost. C. Nach fead neach sa bith seassadh le na fhirinteachd fein ann san la shin? F. Cho’n fhead iddir. C. C’a uime shin? F. Do bhri gu bheill air firinteachd fein mar bhronnaga-sallach an a lathair Dhe. [TD 27] C. Ciod e ata thu ag ciallacha le firinteachd Chriost? F. Umhlachd-san araon ann ’sna rinn, agus na dh’fhuilling se. C. Creud i umhlachd ghniomh Chriost? F. A bheatha naomha leish an do choi’lion se an lagh gu hiomlan, ag deanadh nan dleasdanaish a bha e ag iarruidh air ar-soinne. C. Creud i umhlachd-fhullaingish Chriost? F. Gu d’fhuilling e gach peannas, agus dioghaltas a bhuinneadh dhuinne thaoibh brisheadh an lagh. C. Ciod e mar ata firinteachd Dhe air na deanadh seachad dhuinne? F. Le a meass dhuinn air taoibh Dhe, agus le Creiddeamh air ar taoibh-fein. C. C’uine ata Dia ag meass dhuinne fhirinteachd fein? F. An uair a ghreimmish sinn uirre le Creiddeamh chum air firinneachadh. C. An bheill neach air bith air na fhirinneachadh ann a lathair Dhe le Creiddeamh, a feugmhaish oibridh? F. Cho’n bheill a h aon amhain. C. Cia acht ata sinn air nar firinneachadh le Creiddeamh no le oibridh? F. Le Creiddeamh amhain. C. An bheill eifeachd sa bith ann san Chreiddeamh, mar ata e na ghras ann-ine chum air firinneacha ann a lathair Dhe? F. Cho’n bheill Eifeachd sa bith. C. Cia mar dh’ fhirinneachas Creiddeamh sinn no mar ni e sinn Co’-throm ann a lathair Dhe? F. Amhain mar ata e na mheadhon, no mar laimh chum greimmeacha air firinteachd Chriost. C. An i firinteachd Chriost amhain uime shin mathair-àbhair air firinneachaidh? F. ’Si amhain. [TD 28] C. An e an Creiddeamh meadhon-àbhair air firinneachaidh? F. ’Se gun Cheist. C. Cia uime nach fead firinteachd air bith eille, ach firinteachd Chriost, air firinneachadh ann a lathair Dhe? F. Do bhri gu bheill fhirinteachd-san gu neimh-chriochnoil iomlan, agus ag toirt dioladh iomlan do dh’agartaish ceartaish. C. An fead duil a bhi ag neach air bith a bhi air na Shàbhaladh le firinteachd Chriost, ata an Comhnuidhe ag buannacha ann na pheacaidh? F. Cho’n fhead air mhodh air bith. C. An bheill firinneacha, agus naomacha neimh-scairrail? F. Tha gu beachduigh. C. An fead sinn a bhi air nar firinneachadh le Criost, gun caochladh a bhi air na dheanadh oirn? F. Cho’n fhead. C. Ciod e an caochladh ’s eigin a bhi air na dheanad oirn? F. Caochladh ro-mhor, ’seigin an sein-natur a thoirt assain, agus croidhe nuadh a bhi air na thoirt dhuinn. C. Creud i oifig an Spioraid-naoimh ann a cuisibh Slaint’ an duine? F. An t shaoirse, agus na sochair a choissin Criost a chomh-churr riss na daoine taght. C. Ciod e mar ni e shin? F. Le Creiddeamh oibreachadh ann san chroidhe, agus ag toirt obbair na h ath-ghinneamhuinn, agus na naomhachd, air a h aghaidh ann san duine gu h iomlan. C. Cia iad na meadhonaibh o’n leith a muigh, ata se gu coitcheann a gnathacha thoiseacha na h oibre sho? F. Slat, agus focall Dhe. [TD 29] C. Creud e an chead cheim do dh’obbair an Spioraid air an duine an t am a bhi’s se ga iompocha? F. Geur-mhothacha. C. Ciod e air an toir e mothacha dho? F. Araon air a pheacaidh, agus air a thruaighe. C. Creud e an dara ceim do dh’obbair an Spioraid ann an am jompochaidh? F. Bheirr e sealladh do’n anam air Criost. C. Creud e an treas ceim? F. Ata e ag tarraing a mach a chroidhe chum slighibh na naomhachd a dhlu-ghabhail chuige. C. Ciod e an modh air an taisbein neach ata air na ath-nuadhacha, gu bheill fior-chaochladh air na dheanadh air? F. Le fior-ghradh do Dhia, agus le umhlachd do aitheantaibh-san. C. Ciod e mar bu chòir dhuit Dia ghradhacha? F. Le m’uille chroidhe, agus anam agus oscionn gach ni air an t shaoghal. C. Ciod e mar bu chòir dhuit umhlachd a thoirt do dh’aitheantaibh Dhe? F. Gu treimh-dhireach, gu buan, agus gu h iomlan. C. C’a mhead aithne ata ann? F. Deich aitheantaibh. C. Ciod e mar ata iad roint? F. Ann an da Chlàr. C. C’a mhead ata ann san chead Chlàr? F. Ceathair aitheantaibh. C. C’a mhead ata ann san dara Clàr? F. Se aitheantaibh. C. Ciod e ata air na churr sios ann san chead Chlàr? F. Air dleasdanas do Dhia. C. Ciod e ata air na churr sios ann san dara Clàr? F. Air dleasdanas do dhuine. C. Ciod e mar a bha na deich aitheantaibh air nan sgriobhadh air tus? [TD 30] F. Bha iad air nan sgriobhadh le meur Dhe air da chlàr chloiche. C. Co e an neach do’n d’tug Dia iad air tus? F. Do Mhaoish. C. C’aite an d’tug e seachad iad? F. Air Sliabh-Shinai. C. An bheill thu dh’urrain an ath-seulachd? F. Tha mi. C. Nach bu chòir dhuit a bhi an geall air an tuigsin mar an ceadn’? F. Bu chòir dhomh. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg Jodhail-adhraidh no adhradh a thoirt do Dhianann breige? F. An chead aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg saobh-Chrabhadh no adhradh do Dia air mhodh neimh-riaghailteach sa bith? F. An dara h aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg mionnan, no mi’-naomhacha sa bith air ainm Dhe? F. An treas aithne. C. Creud i an aithne ata ag curr a dh’fhiacha ort la na sàboide a choimhid? F. An ceathreamh aithne. C. Ciod e mar bu chòir dhuit la na sàboide do choimhid? F. Le bhi ag adhradh Dhe araon gu diamhair, agus gu follaish air an la shin, gun a bhi ag smuainteacha air mo bhreathnachaidh fein, no labhairt mo bhriathara fein, no ag deanadh m’oibre fein air an la shin. C. Creud i an aithne ata ag curr a dh’fhiacha ort umhlacha do d’pharantaibh? F. An cuigeadh aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg dhuit striobh, no dochann a dheanadh air do Choimhearsnach? [TD 31] F. An seiseadh aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg neimh-ghloine? F. An seachdamh aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg Gadduigheachd? F. An t ochadh aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg breagan? F. An naoidhamh aithne. C. Creud i an aithne ata ag toirmisg sant. F. An deicheamh aithne. C. Creud is suim do na deich aitheantaibh? F. Dia, agus mo Choimhearsnach a ghradhacha. C. Am bu chòir dhuits’ na h aitheantaibh sho choimhid gu h iomlan? F. Bu chòir dhomh. C. An bheill thu Commasach air shin a dheanadh? F. Cho’n bheill mi. C. An bheill thu ga’n brisheadh gu laitheil? F. Tha mi gu amharas. C. Ciod e mar ata thu ga dheanadh shin? F. Ann a smuaintigh, ann a briathar, agus ann a gniomh. C. An roibh neach sa bith ann a riamh a bha commasach air na h aitheantaibh sho choimhid gu h iomlan? F. Bha. C. Co e? F. Adhamh mu’n do thuit e. C. An roibh neach sa bith ann O thuittim an duine bha commasach an coimhid gu h iomlan? F. Cho roibh neach, ach Josa Criost. C. An roibh ann-san ach duine amhain? F. Bha tuille ann. C. Ciod eille bha ann? F. Bha Dia agus duine araon ann an aon phearsa. C. Ciod e ata thussa ga thoiltin ar-son brisheadh gach aithne dhiu shin? [TD 32] F. Feirg Dhe araon ann san t shaoghals’, agus ann san t shaoghal ata chum teachd. C. Co e an neach shin da thrid ata duil agats’ an fheirgs’ a sheachna? F. Trid Josa Criost an neach shin a choi’lion an lagh, agus a dhiol ceartas air mo shon. C. An fead gach uille neach còir agradh dho-fein air na rinn, agus na dh’fhuilling Criost? F. Cho’n fhead. C. Co iad a dh’fheadas shin a dheanadh le barrantas? F. Gach uille fior-chreidmheach, agus gach neach a ni aithreachas treimh-dhireach. C. Co iad na fior-chreidmhigh? F. An dream shin a theich a dh’ionsuidhe Josa Criost, agus a dhlu-ghabh chuca e le fior-chreiddeamh. C. Ciod e an ni shin fior-chreiddeamh? F. Lamh an anama ghabhas greim air Criost, agus a shocrachas air, mar an slanai-fhear mor, agus an fuasgladh ata Dia ga thairgs’ dhuinne. C. Creud i an chrioch mu’n bheill e air na thairgs’? F. Chum beatha agus slainte. C. C’aite ann a bheill e air na thairgse dhuinn? F. Ann san t shoisgeul. C. Ciod e na Cumhnantaibh air an bheill e air na thairgs’? F. Gu saor, agus gu h iomlan ann na uille oifigibh, mar Fhaidh, mar shagairt, agus mar Riogh. C. Co iad an aittim shin ata na fior-luchd aithrigh? F. An aittim shin a phill re Dia ann an Criost, le aithreachas fior, agus neimh-chealgach. C. Ciod e an t aithreachas e shin? F. Bròn-croidheil ar-son air peacaidh, le iompocha uaithe gu huille chum Josa Criost, agus chum slighibh na naomhachd. [TD 33] C. Nach bheill slighe air bith eille ann chum ifrionn a sheachna, ach trid Creiddeamh, agus aithreachas? F. Cho’n bheill. C. An fead thussa creidsin, agus aithreachas a dheanadh uait-fein? F. Cho’n fhead mi. C. Cia mar is fioss dhuit shin? F. Ata focall Dhe ga inseadh dhomh, agus os-barr ata mi mothacha mo chroidhe fein thaoibh natuir marbh, agus cruaidh mar chloich. C. Ciod e an ni ata Commasach air an anam mharbh a bheothacha, agus air an chroidhe chruaidh a brisheadh? F. Cho’n bheill ni sa bith, ach neart uille-chumhachdach Dhe, agus a ghras-saor. C. Nach bu chòir dhuits’ do ghna suil a bhi agat riss an chumhachd shin, agus a bhi guidhe air a shon? F. Bu chòir dhomh. C. Nach bheill thu na do choigreach do Dhia agus fadd O laimh uaidhe thaoibh natuir? F. Tha mi. C. Ciod e mar ata thu air do thoirt an fogasg dho? F. Trid fuill Chriost. C. Creud iad na meadhonaibh cummanta leish an bheill thu faghail eolaish air Criost, agus Co’-chommunn leish? F. An focall, sacramaint, agus urnuighe. C. Cia mar is còir dhuit an focall a leabhagh, agus eisteachd? F. Le Creiddeamh, gradh, agus furachras. C. Creud i an t sacramaint? F. Is comhara-faicsinneach i chum Criost a thaisbeannadh, agus a chomh-churr rinne le na uille shochairibh. C. Ca mhead sacramaint ata ann? F. Da shacramaint. [TD 34] C. Creud iad sacramaint an t sein-tiomnuidh? F. An timcheall-ghearradh, agus an t uan-càsg. C. An bheill iad anoish air nan cur air cul? F. Tha iad. C. Creud iad sacramaint an tiomnuidh-nuaidh? F. An Baisteadh, agus Suippeir an Tighearna. C. Co dh’orduigh iad shin? F. Josa Criost aon Cheannaird na h eaglaish. C. Ciod e an chrioch mu’n d’orduigh e na sacramaintibh sho? F. A bhi na seulaibh air cumhnant nan gras, agus chum a phobull fein a lan-bheachdacha ann nan Creiddeamh. C. C’a fhad a bhi’s iad air mairrean? F. Gus an d’tig Criost arish. C. Creud e an t Elemeint, no an comhara ata air na ghnathacha ann san bhaiste? F. Uisge air na chrathadh air an chorp. C. Ciod e ata air na chiallacha leish a shin? F. Fuill Chriost a ghlanas ass peaca, agus ciont an anama. C. Co an t ainm ann do bhaisteagh thu? F. Ann an ainm an Athair, an Mhic, agus an Spioraid-naoimh. C. Ciod e na bòide ata ort leish a shin? F. Creidsin, aidmheacha, agus umhlacha do’n Trionoid-naomha, agus diultadh do’n Diabhol, do’n t shaoghal, agus do’n fheoil. C. Creud iad na h Elemeintibh o’n leith a muigh ata ann a Suippeir an Tighearna? F. Arran, agus fion. C. C’uin’ a dh’orduigh Criost an t sacramamt sho? F. Ann san oich shin fein ann do bhrathagh e. C. Ciod e an chrioch mun d’orduigh se e? F. A chonbhail air mairrean cuimhne bhàish-fein, agus fhullaingish a measg a phobuill gu deirreagh an t shaoghail. [TD 35] C. An bheill eidir-dheallacha sa bith eidir an Baisteagh agus Suippeir an Tighearna? F. Tha. C. Nach bheill iad ag taisbeannadh ag seulacha, agus ag comh-churr na nithe ceadna? F. Tha gun amharas. C. C’aite ann a bheill an t eidir-dheallacha ma-ta? F. Ata aon dhibh chum toiseacha, ’ta aon eille chum beathachaigh, ’se am Baisteagh an dorrus air an eigin do chloinn Dhe doll a steach, is i Suppeir an Tighearna am bord ag an eigin dhoibh a bhi air am beathacha. C. An bheill am Baisteagh re bhi air na riaghala arish? F. Cho’n bheill. C. An bheill Suippeir an Tighearna re bhi air na gabhail gu minic? F. Tha. C. Cia mar bhi’s tu commasach bòide do bhaistigh a choi’-liona? F. ’Seigin dhomh a bhi guidhe air Dia gach la mo neartacha, oir cho’n bheill neart agam-fein. C. C’a mhead cuidd ata ann an urnuighe? F. Triur. C. Creud iad? F. Admheil, Jartas, agus Buidheachas. C. Co riss amhain an còir dhuinn urnuighe dheanadh? F. Amhain re Dia. C. Co an t ainm ann a còir dhuit t ath-chuingibh a dheanadh? F. Ann an ainm Chriost. C. Ciod e an modh air an còir dhuit t ath-chuingibh a dheanadh? F. Air mhodh irisheal, le creiddeamh, agus le duthrachd. [TD 36] C. Ciod e na nithe is còir dhuit iarruidh ann a t urnuighe? F. Amhain nithe do reir toill Dhe. C. An d’tug Dia riaghail-sdiuraigh sa bith dhuit chum urnuighe a dheanadh? F. Thug. C. Creud i an riaghail? F. Na Scrioptuiribh naomha gu h uille, ach gu sonraicht’ urnuighe an Tighearna. C. An urrain thu urnuighe an Tighearna radh air mheoghair? F. ’S urrain. C. C’a mhead cuidd ata ann an urnuighe an Tighearna? F. Triur. C. Creud iad? F. Reimh-radh, se Jartaish, agus cho’-dhunadh. C. C’a mhead do na h iartaish shin ata ar-son nithe-aimsireil? F. Cho’n bheill ach aon amhain. C. Co dhibh e? F. An ceathramh, jodhon toir dhuinn an diugh air ’n arran-laitheil. C. Cia uime nach bheill ach aon iartas ar-son tiolaicigh aimsireil? F. Chum sinne theagasg a bhi ni’s dicheallaich ag iarruidh beannuichigh-spioradail, no bhi’s sinn ag iarruidh nithe maith na beatha sho. C. Ciod e na nithe shin a bu choir dhuinn a bhi gu ro-dhicheallach ga’n sirreadh ann air ’n urnuighe? F. Ar-son trocair chum maitheamhnas fhaotain ann air pheacaidh, agus gras a chuiddeacha leinn ann an am air feim, agus gu sonraicht’ chum a bhi air ar neartacha ann ’n am bàish. C. Nach bheill slighe sa bith air a bhàs a sheachna? F. Cho’n bheill. [TD 37] C. Cia uime shin? F. Do bhri gu bheill e air na orducha do gach neach bàs fhaghail aon uair amhain. C. Nach roibh neach sa bith a riamh air na chonbhail no air na shaoragh on bhàs? F. Cho roibh neach, ach Enoch agus Elias. C. Ciod e bu doll dhoibh-san? F. Bha iad air nan aissig gu neamh gun am bàs a bhlassachd. C. Ciod e thug am bàs chum an t shaoghal? F. Thug an peacadh. C. Creud e an meadhon a bheirr an peacadh ass an t shaoghal? F. Tha am bàs. C. An bheill na creidmhigh gu h iomlan saor O’n a pheacadh gu h am bàish? F. Cho’n bheill. C. Creud e gath an bhàish? F. Tha an peacadh. C. Cho thug an gath ass an bhàs do na creidmhigh? F. Thug Criost. C. An bheill an bàs ma-ta na pheannas dhoibh? F. Cho’n bheill iddir. C. Nach bheill am bàs na bhuanachd do na creidmhigh? F. Tha gun amharas. C. Cia mar shin? F. Do bhri gu cuirr e deirreagh air an dòlas, ata e na fhuasgladh beannaicht’ dhoibh O nan truaighe, agus na thoiseach sonnaish. C. Ciod e riss an samhluir bàs na fireannacha ann san scrioptuir? F. Re caddal-ciun. C. Ciod e riss an samhluir an uaighibh? F. Re leabba-thamh. C. Cia uaidhe an bheill iad a gabhail tamh? [TD 38] F. O bhuairibh an Diabhol, O gheur-leanmhuinn an t shaoghail, agus O chogarsaibh an pheacaidh. C. Ciod e an ni h ann san bhàs do na h aingidh? F. Ata e na pheannas ar-son a pheacaidh, agus na thoiseach air truaighe shiorruidhe. C. Ciod e an ni ata ann san uaigh do dhuine aingidh? F. Ata i na priosan a choimhid a chuirp chum breitheamhnas an la-mhoir. C. Ciod e is doll do’n anam ag am bàish? F. Pillidh e dh’ionsuidhe Dhe thug uaidh e chum a bheinn fhaotain. C. C’aite ann a cuirr Dia na h aingidh? F. Cuirridh dh’ifrionn. C. Co ’ta an comhnuidh ann a shin? F. Tha an Diabhol, agus ainglibh. C. Ciod e an t ionnad ifrionn? F. Ionnad na dòrainn’ lochan ata losgadh le teinne, agus pronnasc gu siorruidhe. C. C’aite an teid na daoine diadhaigh ag am bàish? F. Theid gu neamh. C. Co ’ta an comhnuidhe ann a shin? F. Tha Dia, agus Criost, agus na h ainglibh-naomha. C. Ciod e an t ionnad h ann a neamh? F. Tha ionnad ro-ghlor-mhor far an bheill lan-aoibhnis, agus sòlaish gu siòrruidhe. C. Ciod e bhi’s na h aingidh ga dheanadh ann an ifrionn? F. Ata iad ag raibhceach, ag mallacha, agus blaisbheim gu siorruidhe. C. Ciod e bhi’s na naoimh ga dheanadh air neamh? F. Bithigh iad ag gabhail iongnadh do Chriost, a seinn molaidh, agus a deanadh gairdeachaish gu siorruidhe suthain. C. Ciod e an t slighe air an fuigh sinne dholl chum an ionnaid bheannaicht’ shin? [TD 39] F. ’Seigin dhuinn dearcadh air Josa air fear-iuil, eisempleir a bheatha leanmhuinn, agus bun a dheanadh a toilteannas a bhàish-san. Cuidd do Cheistibh-eachdaireachd ar son Cloinne ass an Bhiobal. C. CO an chead fhear a bha air an t shaoghal? F. Bha Adhamh. C. Co an chead bhean a bha ann? F. Bha Eubha. C. Co dheth an do dhealbhagh Adhamh? F. Do dh’uir na talmhain. C. Co dheth an d’rinneadh an bhean? F. Do dh’aisne a taobh Adhamh. C. C’aite ann do chuirr Dia iad ’n uair a chruthachagh iad? F. Ann a Garadh Eden. C. Ciod e an chrioch mu’n do chuirr e ann iad? F. Chum a choimhid agus a dheassacha. C. Co an chead fhear-mort bha air an t shaoghal? F. Bha Cain. C. Co an chead neach a mharbhadh air an t shaoghal? F. Bha Abel. C. Co do chloinn Adhamh a bha na fhreimh ag na fireannaidh? F. Bha Seth. C. Co an duine bu mhò aoish air an t shaogal? F. Bha Methusaladh. C. Cia mar sgriossadh an sein-saoghal? F. Le dillionn uisg. C. C’uin’ bha shin? [TD 40] F. Ma thimchioll se ceud-deug se bliadhan deug agus da fhichid an deigh a chruthachaigh. C. Cia uime ’n do sgriossadh an sein-saoghal? F. Ar-son am peacaidh uamhar ann aghaidh Dhe. C. Co bha air nan sàbhalacha o’n leir-sgrioss shin? F. Cho roibh neach ach Naoi, agus a theaghlach. C. Cia mar shàbhalacha eisin? F. Leish an Airc a rinn se. C. C’a fhad a bha se deanadh na h Airc? F. Ceud agus fichid bliadhan. C. Cia uime bha se co fadda ga deanadh? F. Chum rabhadh a thoirt do’n t shaoghal, agus uin a dheanadh aithreachas ar-son am peacaidh. C. An roibh e air na ainmeacha na shearmonaidh firinteachd? F. Bha ma-seadh. C. C’a mhead mac bha ag Naoi? F. Triur, Shem, Ham, agus Japhet. C. Co dhibh a b’fhearr? F. Bha Shem. C. Co dhibh a bu mheassa? F. Bha Ham. C. Co dhibh o’n d’tanic sinne? F. O Japhet. C. Ciod e an chead channoin a bha air an t shaoghal? F. Bha an Eabhra. C. C’uin’ a thoisich atharracha nan Cannoin? F. Ag togbhail Bhabel. C. Cia mar sgriossadh Sodom? F. Le teinne, agus pronnasc O neamh. C. An roibh neach ann san bhaille sbin air na sàbhalacha uaidhe? F. Cho roibh neach ach Lot agus a dha ’n inghin. C. Ciod e bu doll do mhnaoi Lot? F. Rinneadh carn-sallain dhith. C. Ciod e a b’àbhar do’n pheannas mhor sho? [TD 41] F. Chean i dh’amharc air a h aish air Sodom, agus ar-son a gaoil air an t shaoghal. C. Co e d’an goirrear athair nan Creidmheach? F. Do dh’Abraham. C. Ciod e an dearbhagh is mò bha air a chreiddeamh? F. A Mhac Isaac iobairt suas air iartas Dhe. C. C’a mhead mac a bha ag Jacob? F. Bha da-dheug. C. Co bu sine dhibh? F. Reuben. C. Co b’òige dhibh? F. Benjamin. C. Co dhibh a reiceadh do’n Eipht? F. Joseph. C. Co reic e? F. Dheirbh-bhrathraibh fein. C. Ca mhead treabh a bh’ann do chloinn Israel? F. Da threabh dheug. C. Co do na threabhaibh shin a raoghnaibh Dia bhi nan Sagairtibh, agus na Minishteribh? F. Treabh Lebhi. C. Co an treabh dhibh o’n d’tanic Criost? F. O threabh Judah. C. Ciod e mar bha na h Israelitigh air na conbhail fo-chois ann san Eiphte? F. Rinneadh traillaibh do’n cuirp, agus sgriossadh an leinnibh-mhic ann san abhainn Nilus. C. Co chum fo-chois iad? F. Chum Pharaoh Riogh na h Eiphte. C. Ca mhead plaigh a chuirr an Tighearna air an Eiphte air a shon sho? F. Chuirr deich plaighibh. C. Cia mar leir-sgriossadh na h Eightibh fa-dheoigh? F. Bha iad uille air am bàthagh ann san mhuir-ruadh. [TD 42] C. Cia mar bha clann Israel air nan teassairgin ann a shin? F. Sgoilt an Tighearna ’n fhairge-ruadh, agus chaidh iad-san a nunn air tallamh tirrim. C. Co e an neach a thug a mach iad o’n Eighte? F. Thug Maoish. C. Ciod e mar bha iad air nan sdiuradh trid an fhàsaich? F. Le pilleir-neoil san la, agus le pilleir-teinne san oich. C. Ciod e mar bha iad air nan beathacha ann a shin? F. Le Manna O neamh. C. Ciod e mar fuair iad deoch ann san Diamhair thirrim shin? F. Thug an Tighearna uisg ass an charraic a lean orra feadh na slighe gu h uillidh. C. Co iad air an d’fhosgail an tallamh, agus a shluig sios beo iad? F. Korah, Dathan, agus Abiram. C. C’a ar-son an d’tugadh peannas orra? F. Ar-son an ceannairc ann aghaidh Mhaoish, agus Araoin. C. C’a mhead a bh’ann do chloinn Israel ’n uair a thanic iad a mach o’n Eiphte? F. Tuairim air se ceud mile. C. C’a mhead dhiu shin a chaidh a steach dh’fhearran Chanàin. F. Cho deachaidh neach, ach Caleb, agus Joshua. C. Ciod e bu doll do chàch uille? F. Fuair iad uille bàs an san fhàsach. C. Ciod e am peacadh a bu mhò rinn iad ann san fhàsach? F. An laogh òir a dheanadh, agus adhradh dho. C. Co e an duine bu chiun’ bha air an tallamh? [TD 43] F. Bha Maoish. C. Co e an duine bu laidre bha air an tallamh? F. Bha Sampson. C. Co e an duine bu mhò foidhidin bha air an tallamh? F. Bha Job. C. Co e an duine bha reir croidhe Dhe fein? F. Bha Daibhi. C. Co e an duine bu sgiamhaigh bh’air an tallamh? F. Bha Absalom. C. Co e an duine bu ghlice bh’air an tallamh? F. Bha Solamh. C. Co e Solamh sho? F. Mhac Dhaibhi, agus Riogh Jerusalem. C. Co thog teampal Jerusalem? F. Thog Solamh an Riogh crionna, cumhachdach shin. C. C’uin thogadh e? F. Ma thuairim mile bliadhan mu’n d’tainic Criost air thallamh. C. Co iad a thilgidh ann san uamhann-theinnigh? F. An triur chloinne, Shadrach, Meshach, agus Abednego. C. C’a uime ’n do cuirreadh ann iad? F. Do bhri nach deanadh iad adhradh do’n Jomhaigh-òir a rinn Nebuchadnessar. C. Co e an neach a thilgidh am broclain nan leoghain? F. Bha Daniel. C. C’a uime ’n do chuirreadh ann e? F. Do bhri nach sguirreadh e O bhi deanadh urnuighe riss an Dia-bheo. C. Co e an neach a thilgidh a mach san fhairge, agus a shluigeadh suas le muic-mharra? F. Bha Jonah. C. An roibh na daoine naomha sho uille air nan saoragh? [TD 44] F. Bha iad le cumhachd agus le trocair Dhe. C. Ciod e an t am ann d’rugadh air Slanai-fhear? F. Ma thimchioll ceathair mile bliadhna an deigh cruthacha an t shaoghail. C. Co an t uachdaran a bha ann Judea san am shin? F. Bha Herod. C. Co bha na Impeir air an Roimhe ann shin? F. Bha Augustus. C. Co bha na ghiulla-coish ag Criost? F. Bha Join-baiste. C. Ciod e thachair dho-san? F. Thugadh an ceann dheth ann san Phriosan le Herod. C. Cia uime an d’rinneadh shin? F. Do bhri gu d’tug e achassan do Herod ar-son Herodias a bhi na mnaoi aige. C. Co dh’foilsigh breith Chriost air tus? F. Dh’fhoilsigh na h aingil. C. Co dha an d’fhoilsigh iad e? F. Do na buachaillibh-caorach. C. Co thug an chead adhradh do Chriost an deigh a bhreith? F. Thug an triur dhaoine glic a thainic o’n aird an nearr. C. Cia mar bha iad air nan sdiuradh d’a ionsuidhe? F. Bha le reult. C. Co mharbh na leinnibh ag Jerusalem? F. Mharbh Herod. C. C’a uime ’n do mharbh se iad? F. Do bhri gu roibh duil aige Criost a mharbhagh na measg. C. Cia mar thearuinn eisin? F. Bha e air na ghiulan do’n Eiphte le Joseph, agus Muire. C. Ca mhead Abstol a raoghnaidh Criost? [TD 45] F. Da-dheug. C. Co dhibh a b’ionmhuinne leish? F. Bha Join. C. Co dhibh a b’eud-mhoire? F. Bha Peadar. C. Co dhibh a thug e leish chum a bhi nan fianaishibh air a chruth-atharracha, agus a mhor-dhorainn? F. Thug Peadar Shemis agus Join. C. Co dhibh a shean e? F. Shean Peadar. C. Co dhibh a brath e? F. Brath Judas. C. C’a mhead air an do reic se e? F. Air deich piosa fichid airgid. C. Ciod e bu doll do Judas na dheigh shin? F. Chaill e dhochas, agus chroch se e-fein. C. Co e an neach shin leish an do dhideagh Criost a bhi air na cheusadh? F. Le Pontius Pilate an t uachdaran Romanach. C. Co bhrosduigh Pilate a dheanadh? F. Brosduigh na Judhuighe. C. Co do na h abstolaibh a mharbhagh air tus? F. Bha Shemis. C. Co dhibh a b’fhaidde mhairr beo? F. Bha Join. C. Co e an chead neach a chuirreadh gu bàs ar-son Chriost? F. Bha Stephen. C. Ciod e am bàs a fuair e? F. Chlochadh gu bàs e. C. Co e an neach shin a bha air na ithe beo le cnuimhibh? F. Bha Herod, an neach shin a mharbh Shemis leish an chloidheamh. C. Co e an neach shin a shaoil an Spiorad-naomh a cheannach air airgid? [TD 46] F. Bha Simon Magus. C. Co e an neach shin O bhi na fhear-geur-leanmhuinn a dh’fhàs na shearmonaidh? F. Bha Pòl. C. Co e an neach air an d’tainic crith ag searmoin Phòil? F. Bha Felix an t uachdaran Romanach. C. Co e an Riogh shin nach mòr nach do chuirreadh a dh’fhiacha air a bhi na Chriostuigh? F. Bha Riogh Agrippa. C. C’uin’ a Sgriossadh Jerusalem araon am baille agus an teampal? F. Ma thuairim da fhichid bliadhna an deigh bàish Chriost. C. Co leish an d’rinneadh shin? F. Le Titus an t uachdran Romanach. C. Ciod e bu doll do’n Faidhibh, agus do’n h Abstolaibh? F. Dh’fhuilling iad am bàs gu coitcheanna ar-son an teagaisg a thug iad seachad; bha Isaiah air na Shàbhagh ass a cheile, bha Jeremiah air na chlochadh gu bàs, bha Peadar, agus Aindrea air nan ceusadh, thugadh an ceann do Phòl agus mar shin sios. Na deich aitheantibh mar ata iad ann a meadarachd dhàn chuammanta. I. DHUITS’ na biodh Dia eille ach mi. II. Re Jomhaigh na dean guth na gniomh. III. Ainm do Thighearn’ na lugh gu faoin. IV. ’S an t sàboid coimdigh tu maraon. V. ’S urram dh’athair ’s mhathair do bhreith. VI. Na mort ’s na marbh aon neach air bith. VII. ’S o neimh-ghloin cum thu fein gun lochd. VIII. ’S na goid ca d’bhios do staidd gu bochd. IX. ’S o bhreagan cum do theanga glan. X. ’S re cuidd do choimhearsnaich na buin. [TD 47] Cuidd dh’fhoirm urnuighe ar-son Cloinne araon air la-seachduin, agus Saboide. Urnuighe ar-son maiddin la Seachduin. O Dhe uille-bheannuicht’, is tussa Cruthai-fhear nan uille nithe ata air Neamh shuas, agus air thallamh a bhoss, agus rinn thu mishe chum do ghloir, agus do sheirbhis fein. A Tighearna cuiddich leam thussa mo Chruthai-fhear a chuimhneacha ann laithibh m’òige. ’Ta mi ag aidmheil thaoibh natuir gur duine-cloinne feirg mi, agus oighre air ifrionn; ata mo chroidhe do-lubaidh chum an ni shin ata maith, agus gu h uillidh ag aomadh chum an ni shin ata olc; Dhia bi trocaireach dhomhsa peacach bochd. O Thighearna ’ta mi ag aidmheil, gu do thoill mi gu ceart-bhreitheach ifrionn, agus mur bhiodh gu d’ullamhuigh thussa Slanai-fhear dhomh bhithinn Sgriosta cailte gu siorruidhe: a Tighearna teassairg mi o’n fheirg ata chum teachd, air sgàth Josa Criost do mhic a leag sios anam chum mo leithids’ a pheacach bochd a shàbhalacha. Cruthaich ionnam croidhe-glan, agus ath-nuadhaich Spiorad ceart ann taobh a stigh dhiom. A Tighearna toir an croidhe cruaidh clochach uam, agus toir croidhe tiom briste dhomh ar-son mo pheacaidh. O! maith dhomh mo pheacaidh ghein, agus ghniomh gu h iomlan; glan uam iad uille le fuill Chriost mo shlanai-fhear a ghlanas o gach peacadh. O Thighearna teassairg mishe do ghna o liontaibh a pheacaidh agus o bhuairribh an Diabhoil, cum mi o mhallacha, o mhionnacha, agus o bhreagan, agus o gach uille uabhar agus diamhanas, agus o mhi’-naomhacha la an Tighearna. [TD 48] A Tighearna toir croidhe nuadh dhomh, chum ’sgu d’tugain gaol dhuits’, agus do d’shlighibh, dean seirbhiseach dhuit fein dhiom feadh uille laithibh mo shaoghail. Ullamhuich dhomh na nithe shin ata dh’fheim orm, thaoibh anama no cuirp; toir dhomh an diugh m’arran laitheil; agus dean toilleach do mo chrannachar mi, ann ’sgach staidd a chi thussa iomchuidh air mo shon. A Tighearna beannaich mo luchd-daimh gu h iomlan, ach gu sonraicht’ mo pharantaibh, Dhia dean mishe mo dhuine-cloinne dleasdanach dhoibh. Tha mi toirt buidheachas dhuit ar-son a churam a a ghabh thu dhiom feadh na h oich chaidh seach: A Thighearna dean fairre orm feadh an la sho, agus feadh uille laithibh mo shaoghail, agus toir gu neamh mi fa-dheoigh, chum ’sgu deannain comhnuidhe maille reuts’, gu faicinn do ghnuis, agus gu d’tugainn moladh dhuit feadh shaoghail nan saoghal trid Josa Criost. Amen. Urnuighe eille. A Dhe ro ghras-mhor, dhealbh thussa mi ann san bhroinn agus thug thu mi gu sàbhailt’ ass a shin: rinn thu freasdal dhomh o thainic mi chum an t shaoghail, agus ghleidh thu mi o iommad baoghal; ’s moch a thugadh suas dhuit mi ann am baisteadh. A Thighearna gabh reum mar do dhuinne cloinne fein agus thoir dhomh porsan a measg do chloinne fein. O! Thighearna mar chaidh mi air seachran uaits’ o’n bhroinn seadh fòs gheinnidh mi ann a peacadh, agus rugadh mi ann a ciont’. A Tighearna thoir mothacha dhomh air mo pheacaidh, agus air mo thruaighe, agus leig dhomh fhaicsin gu bheill mi bochd, truaillidh, dall, agus ruisg a feugmhais [TD 49] Chriost; O deonich dhomh m’eolas a chuirr a steach air Criost mo shlanai-fhear ann a laithibh m’oige; agus ionluid m’anam-peacach ann a fuaran folla mhor-luach Chriost. O Thighearna thug thussa misneach do chloinn bheag a theachd do t ionsuidhs’, agus dubhairt thu gur b’ann le’n lethid-san a bha Rioghachd Dhe air na deanadh suas, oh! gabh mishe ann an asgaill do dhideann, agus cum do lamh-throcaireach timchioll orm, agus beannuich mi, O! toir croidhe nuadh, agus natur nuadh dhomh; agus biodh Criost air na dhealbh ann a m’anam. A Thighearna cuirr a mach do threun-neart a rinn Creatuir-beo dhiom air thus, anoish, chum Creatuir-nuadh dheanadh dhiom. A Thighearna cum mishe o gach peacadh, agus gbàbhadh ata tathaich air cloinn òig; agus tearuinn mi dhroch-briathraibh, ’so dhroch chuiddeachd, agus deonuich dhomh cuiddeachd a conbhaill reu-san air an bheill eagal thainmse, a Thighearna cuiddich leam bòide mo bhaistigh a chuimhneacha agus a choimhid, chum ’sgu cuirrin cul riss an t shaoghal, an Diabhol, agus an fheoil; agus fairre do ghna nan aghaidh. Gu ma beannuicht’ gu roibh thussa O Thighearna ar-son mo chaomnadh, agus mo choimhid roimh dhorchadas na h oich a chaidh seach. A Thighearna sdiur mi feadh an la sho, agus cuiddich leam do ghna smuainteacha gu bheill do shuil uille-leirsinneachs’ ag dearcadh orm an comhnuidhe, toir gliocas dhomh a smuainteacha, agus a thoirt fa-near mo chrich-dheirrinnich, chum ’sgu bithinn do ghna ullamh ar-son bàish, breitheamhnais, agus siorruidheachd, agus sho uille ta mi ag achuingidh ar-son toiltinnish mo Thighearna, agus mo shlanai-fhear beannuicht’ Josa Criost. Amen. [TD 50] Urnuighe ar-son feasgar la-seachduine. O Dhe ghlor-mhor uille-bheannuicht’, do ghleidh agus bheathaich thu mi an diugh, agus feadh uille laithibh mo shaoghail agus thiolaic thu iommad sochar orm creud iocfas mishe dhuit ar-son do shochair uille, agus gu sonraicht’ ar-son do ghraidh ann do Mhac Josa Criost a churr a shàbhalacha peacaidh chailte, buidheachas do Dhia ar-son a thiolacadh do-insidhe. A Thighearna fosgail mo shuile, chum ’sgu faicinn mo staidd chailte thruagh a thaoibh natuir, an feim do-insidhe ata agam air Criost a bhi na shlanai-fhear dhomh, ’sgu teichinn gun mhoill a ionsuidhe chum tearmunn, Thighearna folluigh mi ann na lottaibh-san, glan mi le na fhuill, agus sgeudduich mi le na fhirinteachd-san. A Thighearna oibridh aithreachas ionnam thaoibh Dhe, agus creiddeamh a thaoibh air Tighearna Josa Criost, O! dean aon do dheisciopla Chriost’ dhiom, air mo theagasg le na aitheantaibh, air m’fhuasgladh le na fhuill, agus air m’aomadh chum eisempleir a leanmhuinn agus gluasachd ann na cheimibh, a Thighearna toir gras dhomh gaol a ghabhail ort le m’uille chroidhe, iomradh air t ainm le h urram, do shàboidibh a choimhid le tlachd, agus t Fhocall eisdeachd le h airre. A Thighearna toir Spiorad na h uchd-mhacachd dhomh; ’sgu glaodhain Abba Athair agus amharc suas reutsa le muinighin, mar m’athair air neamh chum foirinn air m’uireasuibh, O dean duine cloinne umhal glic dhiom; agus toir orm fàs ann a gras, mar dh’fhàsass mi ann an laithibh, agus ann a bliadhannaibh; chum gu fuighinn do bheannachas’, agus de ghean-maith o neamh a nuas, agus gu bith- [TD 51] inn mar bheannacha, agus mar shòlas do mo pharantaibh, agus do mo luchd-daimh air thallamh. A Thighearna beannuich mo pharantaibh, agus bi do charraid do mo chairdibh uille, agus toir maitheamhnas do mo naimhde, a Thighearna dean fairre air an teaghlach gu h iomlan, agus coimhid mishe trid na h oich, agus deonuich dhomh luidhe sios ann an reite re Dia; toir orm a chuimhneacha gu bheill oich an bhàish ag teachd, an uair is eigin dhomh an saoghals’ fhagail, agus luidhe sios ann san uaigh: a Thighearna deassaich mi air chionn na h uair shin, agus ullamhuich ionnad-comhnuidhe do m’anam air neamh far an fuigh mi foish-shiorruidhe maille reuts’, agus ag seinn halelujah do’n ti ata na shuidhe air an chathair-rioghail, agus do’n uan gu suthain. Do Dhia an t athair, an Mac, agus an Spiorad-naomh, gu roibh gloir anoish agus gu siorruidhe suthain, Amen. Urnuighe eille. A Dhe ghras mhor uille-bheannuicht’, ’s mishe do chreatuir fein, obbair do laimh, ’s uamhunn agus is iongantach mo dhealbh: ach mo thruaighe! chuirr mi-fein mi’-loinn agus mi-dhreach orm le mo pheacaidh. Thighearna dean trocair orm-sa peacach truagh, sgrioss mishe mi-fein, ach ionnad-sa ’ta mo comhair. A Thighearna ’ta mi ag aidmheil gu bheill mo shochair uille, ag teachd bh’uaits’, ach mo thruaighibh uille ag sruthagh bh’uam-fein: O taisbeann dhomh mo thruaighe thaoibh leagaidh Adhamha, agus m’fhuasgladh tre fuill Chriost, a Thighearna nochd dhomh mead, agus lion-mhoireachd mo pheacaidh, agus cuiddich leam gun mhoill teichidh gu cneidhibh Chriost chum fuaradh do m’anam ciontach; agus deonuich dhomh eisin a chuimhneacha [TD 52] mar m’Fhaigh, mar mo shagairt, agus mar mo Riogh. O dean toilleach mi, bhi air mo theagasg le na Spiorad-san, air mo shàbhalacha le na fhuill, agus air mo riaghala le na lagh. O Thighearna toir gras dhomh eolas a ghabhail ort, gaol thoirt dhuit, le m’uille chroidhe, intinn, agus neart, O teagaisg dhomh mo shlanai-fhear a leanmhuinn, mo bhaisteagh a chuimhneacha, agus mo bhòidibh a choimhid; chum ’sgu cuirrin cul re gach uille neimh-dhiadhachd, agus ain-miann saoghalta, agus gu caithinn mo bheatha gu meassura, gu co’-throm, agus gu diadhaigh ann-san t shaoghals’ ata lathair agus a bhi cosmhuil re Josa, ag meadacha gach la ann an gliocas, agus ann an dheagh-ghean le Dia, agus le duine. A Thighearna bi thussa t athair agam: treoruidh mi ann san t slighe ann an coir dhomh gluasachd, agus deonuich dhomh eolas a ghabhail air na Scrioptuiribh naomha O m’òige anios. A Thighearna beannuich mo Pharantaibh, agus mo luchd-daimh uille; neartuich mishe mo dhleasdanas a dheanadh dhoibh-san, agus iadsan an ni ceadna a dheanadh dhomhsa; a Thighearna fiosruich na daoine tinn, agus gabh truas do na bochdaibh, agus do na h uillidh ata ann an amh-ghar. Bheirim buidheachas dhuit, O Thighearna, ar-son mo choimhid O pheacadh, O ghàbhadh, agus O chuntart, feadh an la sho: teassairg mi mar an ceadna feadh dhorchadaish na h oich sho, coimhid mi o’n leoghan-bheiceach, ata doll timchioll do la agus dh’oich a dh’fheachain co gheibh e shlugadh suas, Thighearna ullamhaich mi air chionn bàish, agus a thoirt comhail do mo Dhia fein, O coimhid mi on lochann shin ata losgadh le teinne agus pronnasc, agus toir chum do rioghachd shior-bhuan fein mi chum ’s gu bithinn maille riss an Tighearna gu [TD 53] siorruidhe, air sgàth Josa Criost, agus dho-san ata maille reuts’ o athair, agus a Spiorad-naomh oscionn nan uillidh, na Dhia beannuicht’ gu siorruidhe. Amen. Urnuighe ar-son maiddin la an Tighearna. O Dhe ghlor-mhor uille-chumachdaich, ata mishe ag teachd chugad air mhaiddin do la-fein, a thoirt adhradh dhuits’ athair, a mhic, agus a Spioraid-naoimh. ’S tussa cruthai’-fhear an t shaoghail, slanai’-fhearr an duine chailte, agus naomhai’-fhear nan daoine taght’, o toir gras, agus neart dhomhs’ eolas a ghabhail orts’, agus croidhe thoirt gaoil dhuit. O Thighearna thiomnadh suas dhuit mi ann am baisteagh le cumhnant sollamaint. Ach mo thruaighe! ’s dearbh gu bheill mishe fealtach ann san chumhnant shin, dhi-chuimhnuidh mi Dia mo chruthai’-fhear, mo shlanai’-fhear, agus mo naomhai’-fhear, aig an roibh ceangal orm: rinn mi seirbhis do’n Diabhol, do’n t shaoghal, agus do’n fheoil; riss an do gheall mi diultadh. O Thighearna na toisich orm le breitheamhnas; is peacach droch-thoilteannach, agus ifrionnach truagh ann do lathairs’ mi, agus mu chomharruichear leats’ e’-ceart, cho chommasach mishe freagar do dh’aon Fhocall ann ’s na miltibh. O Thighearna na cummadh mo pheacaidh sruthan do throcair bh’uam san la diugh. Ach thig fein a nuas agus dean e na la aithreachais, agus maitheamhnais do m’anams’, athair bi reidh reums’, agus ghabh chugad mi mar dhuine-cloinne dhuit fein air sgàth do mhic ionmhuinn Josa Criost ann san bheill do mhor-thoill. O Thighearna deonuich dhomh do Spiorad fein chum m’ath-nuadhacha, agus chum m’anam marbh [TD 54] a bheothacha, mo chroidhe cruaidh a mhaothcha, m’intinn dhorch a shoilseacha, agus mo thoill cheannairceach aomadh reuts’, agus re do lagh ro-naomha, b’ann air cho’-ainm an la diugh a dh’eirich mo shlanai-fhear O na mairbh, O nach eirichins’ air an nòs cheadna o uaigh a pheacaidh an diugh, agus gluasachd maille rissin ann an nuadhachd beatha. A Thighearna luchduich m’anam an diugh le gradh do mo shlanai-fhear, agus do Fhocall: spion mo chroidhe o’n tshaoghal, agus socraich mo mhiannaibh air nithe shuas, a Thigearna toir dhomh a chluas chum eisteachd, agus an croidhe chum tuigsin, agus biodh la ann do chuirtibhs’ ni’s fearr dhomh na mile la ’n aite air bith eille. O Thighearna na leig do nithe na beatha sho an feasd doll eidir mishe agus na nithe a bheanas do m’anam: oir ciod e an tàbhachd a bhiodh agam an saoghal uille a ghnothach, mu chaillis mi m’anam fein, agus mo shlanai- fhear? gu cinteach ’s maith dhomhsa dluthacha reuts’ an diugh oir theid gach neach ata fadd o laimh bh’uaits a mugha. A Thighearna dean laithibh sàboide taitneach do dhaoine, agus doirt a nuas do Spiorad fein air Minishteribh, agus luchd-eisteachd ann san la diugh. Toir an teang’-fhòluimt’ do d’sheirbhishibh fein, agus fosgail croidheachibh dhaoine, a ghabhail a steach t fhocaill fein, agus gabh gu taitneach re urnuighe, agus mollaidh do phobuill fein trid Josa Criost an t eidir-mheadhonair, agus dho-san maille reuts’ Athair agus do’n Spiorad-naomh biodh gach cliu gu siorruidhe. Amen. Urnuighe ar-son feasgar la an Tighearna. O Dhe naomha ghlor-mhor is tussa dh’eisteas urnuighe, is tu tobbar na trocair, ’s tu Dia mo bheaths’, agus beatha m’anama: O beothaich [TD 55] thussa mi chum gairm air thainm, agus mo chroidhe dhortadh a mach ann do lathair. O Thighearna thug thussa an la diugh, agus iommad la eille dhomh a chuimhneacha m’anama agus a dh’oibreacha a mach mo shlainte, ach, mo thruaighe! mhi’-bhuillich mi m’uin, mhi’-naomhaich mi an t Shàboid, agus dhi’-chuimhnich mi m’anam fein, agus mo shlanai’-fhear. Rugadh ann a peacadh mi, agus ghluais mi ann a peacadh, agus bha mi neimh-churamach mu’n obbair shin ar-son an do chruthaich thussa mi. O Thighearna ’s creatuir ro-chiontach mi, ata aireamh mo pheacaidh lion-mhor, agus an gne uamhar, ach agats’ ata maitheamhnas chum ’s gu biodh teagals’ oirn, a Thighearna bàth mo pheacaidh air an an-mochs’ fein ann a cuan folla Chriost, chum ’s nach bàithe m’anams’ ann an Cuan na feirg. Buidheachas dhuits’ o Thighearna arson la na Sàboide, ar-son an t soisgeul, agus ar-son Meadhonaibh na slainte, O naomhaich mo Croidhe, agus neartuich mo Mheoghair a chonbhail greim do t Fhocall: agus deonuich dhomh, ni amhain a bhi m’fhear-eisteachd an Fhocaill, ach m’fhear-deanaidh an Fhocaill mar an ceadna. Thighearna oibridh fein ionnam Creiddeamh-fior, Gradh-lasta, agus dochas-beo; o nach co’-eigineadh gaol Chriost mi, teicheadh O na pheacadh, agus rith ann shlighibh t aitheantaibhs’. A Thighearna deonuich dhomh air feasgar do la fein, feasgar mo bheatha chuimhneacha, agus oich a bhàish ata teannadh orm, far nach urrain aonneach obbair sa bith a dheanadh, o nach bithinn glioc chum sollar a dheanadh air chionn na h oiche shin. Agus feim a dheanadh do Chriost mar urras a dhioladh m’ainbh-fhiach, agus mo chuntas a reitheacha, chum ’nuair a thigin fhaghail bhàish, gu [TD 56] biodh sioth deagh-Choguish agam, agus dochas bunaltach tachairt air an Bhreitheamh reidh reum, agus Sàboid shiorruide mhealtuin maille re Criost shuas, gun oich, no la eille Seachduin re teachd na dheigh. A Thighearna beannuich air Riogh-Protestenneach, taisbein thu fein as-leath Shion, beannuich an focall ann ionnad sa bith a bha e air na shearmonacha an diugh; na biodh e mar uisge a dhoirtear air an làr. Dhia beannuich mo Chairdean, agus toir maitheamhnas do mo Naimhdibh; dean trocair air an aittim ata so leòn, fuasgail air na daoine tinn, air na bochdaibh, agus air an dream ata fo fhoirneart, a Thighearna dean fairre orra-san ata òg, teassairg iad o liontaibh an Diabhoil, ’s o thoilleacha-intinn na h oige, agus coimhid iad o chuiddeachd na h aittim shin, ag am bheill barrachd gaoil air toilleacha intinn na ’ta aca air Dia. Luigheasaich do bheannacha air mo Pharantaibh, deonuich dhoibh-san mishe thogbhail suas ann a t eagalsa; agus neartuich mishe ghabhail r’an teagasg-san le gaol, agus taingeileachd. Onoir agus umhlachd thoirt dhoibh: a Dhe beannuich mo luchd-teagaisg uille, agus Craobh sgaoil eolas Chriost feadh an t shaoghail, chum ’sgu biodh t ainm air na naomhacha, ’sgu d’tigeadh do Rioghachd, ’sgu deanthar do thoill, air an Tallamh mar nithear air Neamh: a Thighearna toir dhomh an diugh m’arran laitheil, agus maith dhomh mo pheacaidh laitheil: Saor mi o bhuairreadh, agus gabh mi a steach chum do Rioghachd-neamhaidh fein air Sgàth Josa Criost. Amen. Mineacha gairrid air Urnuighe an Tighearna, a toirt Seolaidh seachad araon Urnuighe a dheanadh leish na briathara ceadna, agus air an mhodh cheadna, agus chum a ghnathacha le tuigse. [TD 57] AIR ’n Athair ata air Neamh, deonuich dhuinne bhi ’nar Cloinn agats’ gun amharas, agus teachd chugads’ gach uair le Creiddeamh, agus munighin, mar Chlann chum Athair ata ullamh, agus commasach air cuiddeacha leinn. Gu ma beannuicht’ h ainmse, biodh smuaintidh mhor-urramach mu t ainm aird naomha-sa ag shealbhacha croidhe gach neach, chum ’sgu caitheamh iad saothair a bhi naomha, mar ata thussa Thighearna naomha; teilg sios Cathair-rioghail a pheacaidh, agus an Diabhoil, agus thigeadh do Rioghachd fein; toir air gach Rioghachd, agus air gach croidhe, bhi umhal do t uachdrannachd fein, agus do d’shlait-rioghal cheartsa; agus deanthar do thoills’ air an Tallamh le daoine, le treimh-dhireachd chroidhe, le deagh-thoill, agus le suilbireachd, mar ata i air na deanadh air Neamh leish na h Aingil, agus na Naoimh ghlor-mhor ata san ionnad shin, agus do bhri nach commasach sinne air do thoill a dheanadh, no Sheirbhis thoirt dhuit, gun tiolaicigh fheimeil na beathsa, Thighearna toir dhuinn an diugh air ’n arran laitheil, jodhon lòn iomchuidh air ar-son, le do bheannacha-athrail, agus do ghean-maith: ach a Thighearna na cuirr seachad sinn le tiolaicigh-thalmhigh a thoirt do air Cuirp bhàs-mhor, ach deonuich dhuinn beannachaidh-neamhaidh do air ’n anama neimh-bhàs-mhor, agus maith dhuinn air fiacha, agus air peacaidh ata lion-mhor oilteill, ar-son dioladh, agus toilteannas Josa Criost air fear urraish, amhluidh mar mhaitheas Sinne do air seicheannaibh, tre do ghraish-se ag amharc seachad air an e coir a ni daoine oirn, Dhia luigheasaich oirn barrachd do’n Spiorad-chriostoil, agus do’n chiunas-chroidhs’: agus mar ata Sinn’ ag aslacha a bhi air ar Sàbhalacha o gach peaca chaidh seach, mar an ceadna ata sinn ag aslacha a bhi air [TD 58] ar teassairgin uaidhe ann ’sgach am ata chum teachd: Thigearna cum sinn o pheacadh, agus na leig ann a buairreadh sinn, ach saor sinn o gach olc: o ceansuich air namhaid an Diabhol, agus cuirr ass da inleachd, agus saor sinn o na peacaidh, o na liontaibh, agus na cuntartaibh ata gu lion-mhor, agus gu laitheil g’ar cuartacha. O Thighearna ’ta air suil reuts’, sann orts’ ata sinn a feitheamh chum eisteachd, agus gabhail re air ’n urnuighe, do bhri gu bheill thussa treun chum air sàbhalacha, neart-mhor d’ar cuiddeacha, agus glor-mhor ann do throcair chaoimh, Athair ata air Neamh, biodh do throcair air na gloracha leat ann air mor-uireasbhuidh-ne a dheanadh suas, ann a maitheamhnas thoirt ann air peacaidh, agus ann air saoradh o’n olc; oir is leats’ amhain an Rioghachd, an chumhachd, agus an ghloir gu siorruidhe. Amen. Cuidd a Fhoirm urnuighe, agus buidheachais ar-son Cloinne araon air thoiseach, agus an deigh bidh. Air thoiseach air biadh. O Thighearna pheacaidh sinne a t aghaidh, agus air an àbhar Shin chaill sinn air còir air tiolaca air bith, gidheadh ghabh thussa truas dhinn, agus thug thu lòn dhuinn; a Thighearna deonuich dhuinn a ghabhail gu meassara, agus le buidheachas, agus dean Sinne le gnathacha na meadhona sho na beatha, ni’s iomchuidh ar-son do Sheirbhis fein, trid Josa Criost. Amen. Aon eille. O Thighearna toir maitheamhnas dhuinn ann air peacaidh, bi ann an siochaint leinn, agus [TD 59] atharruidhe ass an mallacha, ata a lorg air na Creatuiribh air ar-soinne, agus naomhaich na tiolaicigh sho chum air feim, agus deonuich dhuinn ithe, agus òl chum do ghloirs’ air sgàth Chriost. Amen. An deigh bidh. BUIDHEACHAS dhuits’ o Thighearna ar-son Chriost, agus ar-son gach beannacha thug thu dhuinn maille riss, buidheachas dhuits’ a bheathaigh air cuirp, ann san ams’, o biodh an tiolaca sho na thoiseacha air tiolaicigh is mò, agus is fearr, air nan ullamhacha dhuinn ann an Criost, agus deonuich dhuinn saothaireacha ar-son an bhidh nach teirric, ach a mhairreas chum na beatha-mhairreanaigh trid Josa Criost. Amen. Aon eille. A Dhe bheannuicht’, creud iocfas sinn dhuitse ar-son tuille thiolaicigh, ’sann annats’ ata air bith, air beath’, agus commas air gluasachd, ata sinn beo air do fhreasdals’, a Thighearna deonuich dhuinn a bhi beo chum do chliu, ag dearcadh air, agus ag miannacha beatha is fearr maille reut-fein shuas, trid air Tighearna Josa Criost. Amen. Aon eille air thoiseach air biadh. A Dhe ghras-mhor ata sinn ag aidmheacha gu bheill sinn ni’s lugha na chuidd is lugha do d’ thiolaicaighs’ uille, agus gu do thoill sinn gach sòlas a bhi air na chonbhail air aish uain, ach gidheadh ’ta thussa ’gar luchdacha gach la le do shochair, ata iad nuadh dhuinn gach maiddin: A Thighearna beannuich iad sho do chreatuiribh a dh’altram air [TD 60] cuirp, agus toir dhuinn arran na beatha dh’altram air ’n anamaibh, ar-son Chriost. Amen. Aon eille. O Thighearna is creatuiribh olc, neimh-thaingeil sinn, agus bhrosduich sinn thussa ata do ghna ag deanadh maith oirn, gu ro-mhinic, agus gidheadh bheathaich thussa sinn feadh air saoghail le lòn iomchuidh air ar-son, agus fòs ag buannacha do mhaitheas leinn; o nach treorachagh do mhaitheas chum aithreachais sinn, a Thighearna na leig dhuinn do chreatuiribh a mhi-bhuilleacha, no do ghras iompadh gu h uaibhreas. O na biodh air bord na dhuil dhuinn, ach deonuich gu bi na sochair choitcheann sho, air nan iompadh gu sochair chumhnant’ dhuinn trid Josa Criost air slanai’-fhear. Amen. An deigh bidh. O Thighearna is tussa tobbar nan uille throcair, agus gu saibhir ag tiolacadh oirn na n uille nithe ata sinn a mhealtuin, o nach tugamaid gradh do’n fhear-thabhairt, agus air beatha chaitheamh chum a ghloirsan. Cho b’fhadda gus an fàilneacha na cuirp ain-fhann sho againn, mur bhiodh gu bheill iad gu laitheil air nan conbhail suas, agus air nan uracha le do thoir-bheartas fein, o deonuich gu cum sho sinn do ghna cuimhneach air an bhàs, agus teagaisg dhuinn air beatha, air slainte, agus air neart, a chaitheamh ann a sheirbhis Dhe gu suilbhir; ag dearcadh air Criost, ar-son firinteachd agus neart; dho-san gu roibh gloir gu siorruidhe. Amen. [TD 61] Aon eille. O Thighearna na biodh air cuimhreann againn anns’ na nithe sho a theid a mugha le na gnathacha, toimheas a mach dhuinn air crannachar a measg do chloinne fein, ann a beannachaidh an Chumhnant dhaingionn shin. Agus deonuich gu toir do thiolaicigh oirn thussa ghloracha ann san t shaoghal, le comhradh, agus giulan riaghailteach, bi fein a do Dhia againn gu siorruidhe suthain. Agus air fear-iuil, gus a bhàs. Toir dhuinn croidhe deoruidhe, agus coigrich air an Tallamh, chum ’sgu gluaismid, agus gu caitheamhmaid air beatha, mar an aittim shin ata duil aca re suidhe sios air fleadh maille reuts’ ag bannaish-phòsta ’n uain ann ’sna Neamhaibh shuas; agus do t ainms’ ann a Criost biodh gloir shiorruidhe. Amen. Laoidh, no Dàn-spioradail ar-son Chloinn Oig. A bhi air na seinn le fonn coitcheann air Sailm. 1 ’STEARC, olc, laithibh an Duine fein, Ag gabhail seach gu cass; Mar leud na boise, no fadd reish Gach feoil air seargadh ass. 2 Plantuigh Dia bhlàth ’n uair chi e fàth, ’S buainidh ’sgach aoish sa-leath; C’a uim’ ni ’n oig’ monbhar gun stà, ’N uair ghairmhear iad a sreath? 3 O nach cuimhnicht’ mo Chruthai’-fhear leam, Ann laithibh m’oig’ le beachd, O bhriathraibh olc mo theanga cum, ’s o mhiann na h oig’ mo thlachd. [TD 62] 4 Feuch ’ta na laithibh teachd gu luath, Thig triobloid air gach taobh, Far ’n abbair fhalbh mo shòlas uam, Cho’n ionnad tamh an saoghal. 5 C’a uime shirrin ionmhas fior, ’San ionnad nach bheill saimh, Ach lan do dhiamhanaish gach tior, Is amh-ghair air gach laimh. 6 Beirrear ass uam na nithibh truagh, ’S gun annt’ ach lannair shul, Dearcam buan thar na neulaibh suas, Far bheill m’ionmhas air an cul. 7 Co agam ann sna Neamhaibh fein, Cho’n bheill gu leir a h aon, No air thallamh d’an d’tug mi speish Ach thuss’ a Dhe ro-naomh. 8 O nach rachainn air iteig suas; Far bheill slanai-fhear mo ruin, An d’tigeadh ach aon lannair uait, Chuirt’ an saoghals’ air cul. 9 Chaidh ’noish m’fhear-saoruidh glor-mhor suas, Thagradh mo chuis gu fior; Chrathadh Cathair-cheartaish mu’n cuairt, Le fhuill ag labhairt sioth. 10 Chum an ionnad bhuan dearcam suas, Far ’n deachaidh Criost air ’n iul, A reitheacha slighe do a shluagh, ’Sa dh’fhosgladh dorrus duint. [TD 63] 11 Bheirrir iad leish ’n uair bhi’s iad thall, Chum sruth do dh’uisge bheo; Toirmar na deoir o’n suile fann ’S gleusfar an croidh’ gu ceol. 12 Cho mheall aon mheass cho bhuair aon bhean, ’San duthaich ghlor-mhor naomh, Cho chealg an aith’r le mead a nimh, Ann Phàraish agh-mhor chaomh. 13 Air Criost m’fhear-iuil leanaidh mi dlu, Air seachran uaidh’ co d’teid; Bithigh mo chrioch gu sonna ciun, Ma sdiuruighs’ se mo cheim. 14 Biodh gradh, is Creiddeamh fàs gu sior, Gus ’n tig m’fhear-saoruidh treun, Oir ’s coigreach air an tallamh mi, Bheirr Criost mi chuige fein. 15 Mo bheath’, mo neart, ’s mo dhochas buan, Ann bheill mo thearmunn treun; Cho tuit mi, ’s tu gam chonbhail suas, Dhia eist gu gradd re m’eigh. 16 Shín nuas do lamh shlanai-fhear mhín, Is gabh mi chugad fein; Gu Seassain ’n lath’r do Chathair-riogh, ’S do ghloir dhomh gu bu leir. 17 Togar leam ceol re Dia nan dul, Suas chum a Chathair-riogh, Do’n triur co’-cheangailt’, biodh gach cliu, Do’n aon neimh-roint’ am briogh. [TD 64] 18 Gach gloir, is urram, cumhachd, ’s cliu, Do’n triur do-thuigs’ le croidh’, Mar bha ag fior-thoiseach gach iuil, Biodh ’noish, ’sa rish gu sior. 19 A thoirt mor-mholaidh agus cliu, ’N Ath’r, ’n Mhac, ’s do’n Spiorad ghrinn, An triur ann aon, is aon ann triur, Biodh Neamh is tallamh cruinn. AN CHRIOCH.