[TD 1] AN SAIGHIDEAR CRIOSDUIDH: NO NA DLEASNAIS IOMCHUIDH CHAUM BEATHA DHIADHAIDH CHAITHE, AIR AN SPARRADH AIR AN ARMAILT: O EISEMPLEIR CHORNELIUS. SEARMOIN. LE TOMAS BROUGHTON, M. A. Le Roimh-radh, do na Saighidearan Gaidhealach, le neach araidh eile. DUN-EADUIN: CHLODH-BHUAILT’ LE EOIN MOIR. 1797. [TD 2] [Blank] [TD 3] DO NA SAIGHIDEARAN GAIDHEALACH. A BHRAITHRE, ANNS an t Searmoin a leanas, air a tionndadh chum bhur caint fein, agus air a clo-bhuala chum teagaisg iomchuidh thoirt dhuibh, do reir ordugh, agus air costas na chuideachd mhòr oirdheirc ann Luinduin, a’ ta, chum eolas an t Soisgeul a sgaoileadh, &c.—Tha sgeul agaibh mu dhuine fiudhach araidh, bha na shaighidear; agus ris an robh air earbsadh, a reir inbhe teareantachd a Righ, agus an riaghalachd shuighte ann a dhuthaich. Ach ge do b’ i so a cheaird,—an gnothaich ris an robh e ceangailt, gidheadh, bu neach e, air an robh eagal an fhior Dhe, agus ag oibreachadh firinteachd: agus, do bhri nach ’eil Dia ag amhairc air pearsa seach a cheile, ach anns gach uile staid bheatha ’san t saoghal so, eisean air am bheil eagal De, tha e taitnich aige, uime sin, chi sinn gu’n robh an saighidear crabhach so taitnich dha; air mhodh s gu’n do chuir Dia an Spiorad Naomh, Peadair d’a ionnsuidh chum a theagasg, agus a ghlacadh asteach do’n Eaglais [TD 4] Chriosduidh leis a bhaiste, agus le sin saighidear do Chriosd a dheanamh dheth, chum cogadh le misneach fodh a bhrataich, an aghaidh a pheaca, an t saoghal agus an diobhal; agus fa-dheoidh, gu faighidh e beatha shiorruith. ’Nuair a rinneadh an duine so na shaighidear Criosduidh, fodh Righ nan righ, agus Tighearna nan tighearna, cha ’n ’eil e air a radh, agus ni bheil aobhar a smuainteacha, no chreidsin, gu’n do sguir e bhi ’na shaighidear, mar bha e roimhe, chum dionadh an Impere agus an riaghalachd. Uimesin, feudar fhaicin, gur comas do’n duine cheudna bhi na shaighidear Criosduidh, chum, le cumhachd grás Dhe, cogadh dheanamh an aghaidh a namhaidin spioradail a chuiridh air seachran e air beatha shiorruith; agus fós, an aghaidh naimhdin a Righ agus a dhuthcha’, le durachd feadadh mi radh, gu bi giulan an t saighidear Criosduidh leithid, is a choisineas dha cliu airson fior chruadalachd, agus ionracas anns gach staid am bith e. Oir, mar Chriosduidh, tha e foghlum anns na h uile staid gu bith e toilichte;—umhal do Dhia, agus do dhaone aig am bheil còir ughdaras os a cheann. Mar a ta mi dochasach gu bheil sibh uile a creidsin anns na Scrioptoire naomh, gur iad briathar De,—deachdadh De an Spiorad Naomh, a bhrosnuich daone aridh labhairt do reir a thoilsin; agus gur annta tha againne eolas air an fhior Dhia agus air Iosa [TD 5] Criosd, agus beatha shiorruidh tridsin; air mhodh ceudna, tha duil agam, gu bheil sibh uile togradh bhur giulan agus caith-beatha bhith cordadh riusan. Anis, anns na Scrioptoiribh naomh sin, tha e air aithneadh dhuinn uile, eagal De bhith oirn, agus gu’n d’thoir sinn onoir do ’n Righ, agus do’n na h uile a ’ta ann, ughdaras fodhe. 1. Biodh eagal Dhe oirbh. Tha e air a radh ann briathar De, Seanradh 9. 10. Eagal an Tighearna, is toisich gliocas e, agus eolas an ti naomh is tuigse e. Agus a ris, Ecies. 12. 13. Biodh eagal De oirbh, agus co-lionadh sibh aithintean, oir is e so dleasdanas iomlan an duine. Tha eagal De air na h aingidh, bhri gur fiosraich iad gun tabhair e iad fo dhiteadh,—gu breathanas. Air a mhodh cheadna, tha eagal De air na deamhain, agus tha iad air chridh; ach ni bheil gradh De aig na haingidh, no aig na deamhain; agus air an aobhar sin, cha ’n ’eil iad a deanamh fior-sheirbhis dha, le urram agus le eagal diadhaidh, anns a bheatha so, agus uime sin cha chomus dhoibh comhnuidh ghabhal maille ris, na rioghachd,—’sa bheatha ri teachd. Is e dith gradh tha deanadh an diobhal mar tha e; agus ’s e dith gradh De ’s ann duine, tha ga dheanamh cosmhuil ris an diabhal. Ma ghradhachais sinn Dia, airson ar cruthachadh, ar sabhaladh, agus airson uile [TD 6] bheannuchadh na beatha so, ach gu h araidh, airson fuasgladh an domhain le ar Slanui’fhear Iosa Criosd, airson meadhonain nan gras agus dochus na gloir; ’s ann bhithis eagal oirn a dheanamh nis diombui’ach leis, le smuainte, le briathar, no gniomh lochdach air bith. As eagmhas eagal agus gradh Dhe, cha chomas bhith sonadh ’s ann t’ shaoghal so,—oir tha na h aingidh cosmhuil ris a mhuir bhuairte; oir fois air bith cha’n fheud i ghabhal; ach tha a h uisgeachan ag oibearachadh nios salachair agus clábair; cha ’n ’eil sith air bith, d’ their mo Dhia sa, do na h aingidh. Isa. lvii. 20. 21. Agus is cintich e fos, nach comus bhith sonadh ann sa bheatha ri teachd, gun ghradh De, oir, nach ’eil fios agaibh, nach sealbhaich luchd deanamh na h eacorach rioghachd Dhe. 1 Cor. vi. 9. Oir aig la bhreathanas, im’ichidh iadsan chum peanais siorruith. N. Mat. xxv. 45. Cha chomas eagal agus gradh De bhith ann, mar is soilleir, gun chreidsin gu bheil Dia ann; agus gu bheil e toirt luach-saoithear do’n droing a dh iarras e gu dichiolach. Ann aon fhocal, ma ta ceart eagal agus gradh Dhe annuin, ni sinn aora’ dha,—bheir finn buidheachas dha,—cuiridh sinn ar n uile muinghin annsan,—gairmidh sinn air,—bheir sinn onoir d’ a ainm agus fhocal naomh,—agus ni sinn seirbhis threibh-dhireach dha gu crioch ar beatha. [TD 7] 2. Thugaibh onoir do’n Righ. Tha Dia ar Slanui’fhear, Iosa Criosd, Righ na’n righ, agus Tighearna na’n Tighearna. Taisb. Eoin, xix. 16. Is eisean an Righ, Jehobhah nan sluaigh; tha eisean a riaghaladh, biodh an saoghal ait. Tha eisean na Righ cia neo-thoilighte air bith ’ta luchd comhnuinh na talamhain. Salm xcvii. 1. 2. &c. agus xcix. 1. Tha uile chumhachd aige. Le focal a bheoil cuiridh se a ghaoth, agus cuiridh se a mhuir gu sith, leagaidh se ardan a tuinn, ’nuair is corrach a h’onfhath agus a stoirm; agus mar an ceudna, cuiridh se gu cosg boile a phobul, agus an cuthach fodh reachd. Salm lxv. 7. N. Mat. viii. 26. Buinidh uile cumhachd do Dhia; gidheadh tha e toirt gnathachadh cumhachd do dhaone bhos air talamh; leosan tha e rioghladh ’s ann t saoghal: mar a ta e ag radh, Seanradh viii. 15. 16. ’S ann triumsa tha righrean a’ riaghladh, agus prionsuidhe ag orducha ceartais; triumsa a’ ta prionsuidh riaghladh, agus na h uaisle, eadhon, breathamhain ta talamhain uile. Thugamaid, air an aobhar sin, onoir do ’n Righ, mar mhinister Dhe os ar cinn. Thugamaid onoir d’a offig, agus urram d’a phearsa; guidhmid ri Dia air a shon, chums gu caithear ar beatha ann fois agus suaimhneas, ann uile dhiadhachd agus ionracas. Gabhamaid uile comhairle an duine ghlic, agus gu dimhin si comhairle Dhe fein i. Seanradh xxiv. 21. A mhic, biodh eagal [TD 8] an Tighearna agus an Righ ortsa, agus na bith gnothach agads—na tathaich—na rach ameasg nan daone a ta toiliche easumhalachd—iadsan a ta deanamh tair air uachdranachd, agus masluchadh ard-inbhe. Tha N. Pol ’gar comhairliche, Romh. xiii. 7. Thugaibh do gach uile neach an dlighe fein, Cáin dha san do’n dlighear Cain, cis dha san do’n dlighear cis, eagal dha san do’n dlighear eagal, agus onoir dha san do’n coir onoir. Mur tabhair sinn onoir do ’n Righ, tha sinn easumhal do Dhia fein a dh orduich so a dheanamh. Mar Chriosduin, tha an eisempleir is airde agus is oirdheirc again, ’gar brosnuchadh so dheanamh: eadhoin, eisempleir ar Tighearna Iosa Criosd fein, oir thug eisean cis gu Empere na Romhanaich. N. Mat. xvii. 25.—bha na chinnich, agus rinn na h abstolaibh naomh mar an ceudna. Tha sgeul again mu na cead Chriosduin, ge do bha iad air na n geur leanmhuin le uachdranan an t saoghal so, gidheadh cha robh iad easumhal. Uime sin, a bhraithre, na bith sibhse easumhal air chor air bith, ach thugaibh onoir do ’n Righ agus bithibh umhal do’n lagh is e so bhur gliocas agus bhur tearantachd. Ach 3. Biodhibh umhal dhoibhsin uile aig am bheil ughdaras ’o n Righ thairis oirbh. Mar Chriosduin, tha so. cintich, ceangailt oirbh. [TD 9] Mar shaighidearan, is eigin dhuibh bhith umhal agus urramach da ’r fir iuil,—da ’r ceannarduibh uile; agus cha ’n ann a dhain-doin, ach gu lan toilich. Is tlachdmhor, taitnich an sealladh, armailt mhor fhaicin, fodh ceart riaghal, ann deagh ordugh; na h uile dhuine co-liona dlighe aite fein ’o ’n ard-uachdran gus an duine ’s isle dhiu. ’S ann mur so ni iad feum;—’S ann mur so gheibh iad buaidh thairis air na ’n naimhdin uile. ’Nuair a’ ta giulan an t saighidear mar so, onorach agus umhal, sonna agus subhailce, tha ceart choir aig air urram agus cliu. Ach Ceaduichibh dhomh a bhraithre, comhairle thoirt dhuibh, mar shaighidearan umhal diadhaidh, gan monmhor a dheanamh gan fhior aobhar, agus iadsan a ta deanamh monmhor, a ta talach, a ta neo-thoilichte, agus a ta cleachda comh-stridh, a’ sheachna. Mu thig monmhor gu ceann, tha cunnart gu ’n lean easumhalachd teann air, agus an deigh sin iomadh ghne uilc. Mu ta aobhar gearan agaibh, deanamh e gu h urramach, agus gu sithcheanta, agus gheibh sibh leasacha. Is craiteach smuaintiche, air n uine sa bheil sinne beo. C’aite an tiondain sinn, nach tachair sinn ri muintir aingidh, a bhuaireadh sinn cul chuir ris an diadhachd, agus briathar naomh Dhe, ’s urrin ar deanamh glic chum slainte shiorruith; agus fos, gu feud sinn bhi easumhal do’n Righ, [TD 10] gan chiont! Tha dochus agam, mo cho-dhaoine, gu bith sibhse uile, seasamhach ann san diadhachd,—ann ’ur dleasnais; is e sin, gu bith eagal Dia oirbh gu’n tabhair sibh onoir do’n Righ, agus iadsan uile a’ ta ann ughdaras fodhe. B’ ard cliu nan gaidheal, na ’n linne fa leath, air sinnsearan, airson mor-mhisneach, chum onoir na ’n Righ, agus na’n duthaich dhionadh tearainte. Tha duil agam nach toir an sliochd mi-chliu orra le caochladh cleachdain. Ann aon fhocal, is creideasach dhuibh fein, agus is taitnich d’ur co-iochdranaibh uile, an deagh theisteas, an t’ iomradh math tha ’ur giulan riaghaltach, agus ionruic, a coisin dhuibh anns gach aite sa bheil sibh. Biodh foighdean agaibh, gus an toilich Dia, ann cursa a fhreasdal naomh, firean agus sith thoirt ann ar ’n uine,—gus an d’thig an t’ am gu pill sibh d’ur duthaichibh fein,—d’ ur cairdin agus tealachaibh, le onoir agus deagh iomradh agus gu’n tabhair Dia gras dhuibh an bheatha shiorruith fhaigheal tre Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 11] AN SAIGHIDEAR CRIOSDUIDH. SEARMOIN. GNIOMHARA X. 1. 2. AGUS bha duine araidh ann an Cesarea, do’m b’ainm Cornelius, ceannard cheud do’n chuideachd do’n gairrear a chuideachd Eadailteach. Duine crabhach ’s air an robh eagal De, maille ri thigh uile, bha toirt moran deirce do’n t shluagh, ’s a deanamh urnuigh ri Dia ghna. Tha mi ri gairdeaehas mo chairdean ’s mo cho-shaighideara san chogadh Chriosduidh, gu’m bheil sibh air an la ’n diu ann so cruinn an ceann a cheile ’n tigh Dhe ’s a chum gum biodh e gus a chuid ’s fearr ’s ni h-ann gus a chuid ’s measa tha mi guidhe oirbh [TD 12] eisteachd dhurachdach a thoirt seachad car beagan le foighdinn. Tha’n scriobhuiche naomha toirt duinn an ceann ar teagaisg caithe-beatha ceannaird threunmhor ’s dhiadhaidh nach do smuainich idir gun robh aidmheil mar shaighidear an aghaidh na’n dleasnais tha creide ’g iarruidh a chleachdain, ach bha e seas’ach airson lagh Dhe, co maith ’s airson reachd a dhuchadh, ’s co eudmhor (feudaidh mi radh ni’s mo gu mor) airson urram Ri nan righrean, ’s a bha e airson morachd na cuirte, * do’n robh e deanadh seirbhis. O ghiulan diadhaidh ’s ciatfach a cheannaird so bheir mi fa’near gu’m bheil beatha saighidear ceudaicht’, ’s urramach, ’s nach ’eil i na naimhaid do ghluasad naomha no do cho-luadar stuama’. Gu’m bheil beatha saighidear laghail, ’s i mo bharrail gur furas a chomhdacha’, thaobh ’s nach d’ fhuair Eoin baiste bha ullamh gach ám air achasan a thoirt le danadas do gach ea coir ’s droch bheairt, cron do lethid sin do chaithe beatha, oir, chi sinn ’nuair a dh’fhiosraich na saighideara dheth a thainig d’a ionnsuidh a measg morain eile bheir am biora gus a chridhe le shearmonaibh. Ciod a dh’fheuma’ iad a dheanadh? Ciod an seol a ghabha’ iad air teicheadh o’n fheirg ata ri teachd? Bi ’n fhreagairt a thng eisean orra, “Na deanaibh aineart air duine air bith, * The Majesty of the Roman Empire. [TD 13] no casaid-bhreige ’s bithibh toilicht le’r tuarasdal.” Chi sinn mata, gum bheil freagra’ Eoin na dhearbha’ soilleir gum bheil beatha saighidear na staid laghail; oir, na’m biodh sin air atharach’, cronail, no air a toirmeisg cha’n ’eil teagadh gu’n caomhna’ eisean iad aig nach robh baigh ri neach seach a cheile. Ach an aite ’n earralacha’ gu’n a bhi ri h-aineart g’un chasaid a dheanadh gu h eacorach ’s a bhi toilichte le’n tuarasdal, ’s ann a bheireadh e aithne dhoibh am brataichean a threigsin air ball, an armachd a leigeil a sios ’s iad fein a sgaoileadh feadh an t shaoghail. Cha mho cuideachd a nochda ’ar Slanuighear beannuichte deagh-ghean, no idir a chliuthaicheadh e ’n ceannard cheud a th’air ainmeacha leis an tshoisgeulach Lucas na ’m biodh an doigh air an robh e caithe bheatha ’n aghaidh creide ’s deagh bheus. Uime sin tha iadsan fo mhearachd mor tha’m barrail gu’m bheil beatha saighidear na staid mi laghail ’s aingidh. Tha, oir, ged ata moran san armailt an dras (ni truagh ri aideacha’) ro olc ’s truaillidh, gidheadh, tha ioma’ ceannard ceud diadhaidh ri fhaghail nam measg, ioma’ saighidear crabhach le h Iosa tha taireis dileas na sheirbheis, ’s seas’ach na chreide. ’S iad mata, mhuintir tha tilgeil masla’ air an t sheirbheis tha ri choireacha, ’s cha ’n i ’n t sheirbheis fein, oir, tha sin gu’n amharus cliutach, ’s measail. [TD 14] Ach an deigh gach ni taitneach a dh’fheudar a radh as leth beatha saighidear mar sheirbheis laghail ’s urramach gidheadh, tha i call a meas an suile moran a thaobh mi-ghathacha ’s giulan aingidh ioma’ neach a’ tha san armailt. ’S fheudar do dhroch bharrail a bhi aig daoine maithe do’n ghne beatha sin, ’s a bhi fo eagal gu’n gabh an cairdean na ’n luchd daimh san t-shaighidearachd ’nuair a chi iad giulan mi-chiatfach na muintir ata ann. Tha iad a’ saoilsin gu’m bheil mionan, misg, ’s neo-ghloine, ’s ioma’ peacana’ uamhara’ ceangailt ris an armailt air fad, ’s mar sin a’ co-dhuna’ gu’m bheil an neach ata na shaighidear, air an t shlighe dhireach gu sgrios ’s dorain. ’S co dh’ fheudas daoine tuigseach, ’s fior Chriosduna a choireacha’, no cron fhaghail do pharant diadhaidh, curamach mu leas a’ mhic ged a bheireadh e comhairle air am briathra’ dh’ Iacoib, a thaobh Shimeoin ’s Lebhi, O mo mhac, na tigse steach do’n diomhaireachd; do’n co-chruinneacha’ m’urram na bi-sa air do cheangal. Cha ’n ’eil mi ’g ainmeacha so chum masla’ thoirt do’n t-sheirbheis tha mar a thug mi cheana fa’ near neo-chronail ’s cliutach ’s ni ’m bheil mo bhriathra air an sonracha’ an aghaidh muintir araidh sam bith, oir, mo thruaigh! ameasg gach ordugh ’s inbhe tha ciontaich ri fhaghail, daoine tha cuir an gniomh nithe airidh air achmhasan. An ioma’ nithe tha sinn uile peacacha, ’s a’ teachd gaoirid air ar [TD 15] dleasnas. Is ged ata mi air an am a’ gabhail fath labhairt ri daoine sonraicht’ an inbhe shonraicht cha’n ail leum a shaoilsin gu’m bheil mi gam meas sin nam peacaich oscionn daoine eile. Cha’n ’eil idir. Tha aobhar againn uile bròn a dheana’ ’s a radh gu’n deachaidh sinn air seachran o’n tshlighe, ’s uile gu leir air fas neo-tharbhach. Uime sin buaileadh gach ciontach ciod air bith inbhe, no staid, air a chridhe fein ’s abradh e: “Thighearna bi trocaireach dhomh sa peacach.” Aidicheadh gach peacair le Daibhi ’n deigh dha aithreachas treibh-dhireach ’s neo-chealgach a chuir, an gniomh. “Pheacaich mi ’n aghaidh an Tighearna, ’S MISE ’N DUINE.” Ann an labhairt ni’s faide o na brithra so, ceudaichibh dhomh mo bhraithre ’s mo cho-shaighideara: 1. Eisempleir Chornelius a chuir romhaibh. 2. Fheuchain cia ea-cos’ail an eisempleir so ri giulan ’s caithe-beatha moran san arm. 3. Ainmichidh mi ni no dha chum bhur brosnacha gus an eisempleir so leantuin. A chum toiseacha air a cheud ni chuir mi romham. Bha Cornelius do na cinnich a bha aineolach air an Dia bheo; bha e na iochdaran [TD 16] do na Romanaich, na cheannard cuideachd do shaighideara bh’air an suidheacha aig Cesarea ’n t-aite comhnuidh a bh’aig uachdarain Iudea chumail na’n Iudhach fo smachd a bha nise fo chis do na Romanaich. Ach ged a bha e air teachd o na cinnich choimheach ’s a thaobh aidmheil, na shaighidear, gidheadh, dh’iompuicheadh e gus a chreide Iudhach, ’s bha e deanadh aora’ do Dhia Israeil amhain. Tha’n t-eachdraibh naomha labhairt moran ga chliu, ’s ag innse gun robh e na dhuine crabhach air an robh eagal De, bha toirt moran deirce do na bochdaibh do’n t shluaigh, ’s a deanadh urnuigh ri Dia ghna. Tha gach buaidh thaitneach dhiu sin airidh air ar smuainte leigeil orra fa leth car beagan. 1. Bha Cornelius na dhuine crabhach. Ach feudaidh cuid a dhaoine bhi ullamh a radh le fanoid, Am feud ni maith air bith teachd amach o Nasaret? Am feud an armailt seirbhisich fhireunach altrum do Dhia na sith? Feudaidh, oir, do Dhia tha na h uile nithe comasach, ’s chuir Cornelius eisempleir romhain gum feud so tachairt. ’S ni ’m bheil caochla’ aimsir, no aite, no ni air bith eile fagail creide ’n dras ni’s neo-fhuras a chleachdain le’r saighideara sna linne so no bha e san am sin. A.m bheil e deanadh daoine neo-iomchuidh airson crabha’ iad a bhi na’n saighideara? Am bheil e [TD 17] mar fhiacha’ orra bhi olc, aingidh, a thaobh iad a bhi giulan arm? An fheudar dhoibh bratach Chriosd a threigsin, ’s a dhi-chuimhneacha gum bheil iad na’n saighideara aige co luath ’s a ghabhas iad an seirbheis an Ri? Gu cinteach cha’n fheud, ’s cha mho bhios e mar chleachdain aig a mhuintir tha siubhal an ceumana ’n deagh cheannard cheud so. Tha air innse dhuinn gan robh e na dhuine crabhach, ’s mar sin feudaidh sinn a’ smuaineacha saor o pheacana uamhara tha gu tric a leantuin an airm, mar ata misg ’s neo-ghloine. Cha’n fheudar a shaoilsin gun d’eabair se e fein an dibh mar a mhuc san lathaich, no gun tug se e fein thairis gu tur do dh’an mianna feolmhor. Cho do thruaill briathra mi-stuama uair air bith a theangadh ’m ball sin a thugadh dha gu cliu Chruithear a shein ’s urnuigh a dheanadh ris. Ach sgeudaich se e fein le stuamachd mar le maise òir, ’s le geanmnachd mar le truscan sgiamhach. 2. Bha eagal De air Cornelius. Air dha bhi na cheannard, ’s maith dh’fheuta cuideachd gun robh e lan misnich ’s cruadail, seolta ’n tarruing suas seachd an ordu’ blair, ’s mar sin le threabhantas ’s a dheagh dheanadas gun d’arduich se e fein san armailt. Ach cha do chuir a ghaisge e os-cionn fiamh Dhe bhi air, no sheoltachd an gnothuiche-cogaidh os-cionn a bhi ciun macanta, [TD 18] nithe tha feuchain gum feud duine bhi fearail, buadhmhor, ach seimh iriosal cuideachd. ’S gu cinteach ’s i irioslachd ’s eagal De ’n ceart bhunchar air am bheil fior mhisneach air a togail. ’S cha’n ’eil neach air bith ’s lugha geilt, agus ’s treunmhoire no eisean ata diadhaidh iorasal. Mar so thug an duine glic fa’near o shean, “Tha na fireuna co dana ri leomhan.” Bha eagal De air Cornelius, ’s le sin cha robh ni air bith eile aige na chuspair eagail, “Ged’a shuidheacheadh deich mile do’n t shluagh iad fein na aghaidh mu’n cuairt ’s ged’a dheireadh suas cogadh na aghaidh, a thaobh a mhuinghin bhi san Tighearna ghleidheadh so e gu’n gheilt gun fhiamh.” Tha charaig air an do leig e thaic laidir ’s daingean. “Oir, co, no ciod a dh’fheudas cron a dheanamh air an duine sin tha na fhear leanmhuin air an ni ata maith.” Dh’fholum e o eachdraidh cogadh na’n Iudhaich nach robh buaidh-chatha co mor an earbsa ri aireamh ’s neart feachd ’s a bha e ri comhnanh Tighearna nan sluagh. Airson so co maith ’s ioma’ ni eile bha eagal De air gu glic a’ toirt fa’near gum be so cheart doigh air a bhi buadhmhor. 3. Thug Cornelius moran deirce do’n t-shluagh. A chum so dheanadh, feudaidh sinn a smuaineacha gun robh e gu glic a toirt fa’near ciod a chuireadh e amach d’o mhaoin, nach robh e ’g iarruidh airneis [TD 19] fhinealta, no sgeudacha riamhach no deanadh an-caithe air airgiod, a’ cluich air chairtean ’s air dhiosan, ’s cha mho fhuara e gu tric ag ol is stigh osda. Oir gu’n amharus na’m be sin a chleachdain, cha bhiodh ni’s leoir aige gu e fein ’s a theaghlach a chumail an teachd-an-tir, ’s ni’s lugha gu mor cha bhiodh e comasach truacantachd a nochda do mhuintir uireas’ach ’s an shocrach. Ach bha e gu glic crionda toirt air a chostas freagradh do theachd a steach an comhnuidh a’ gleidhe ni egin an cul na laimhe airson a bhochd ’s an fheumach. A chum an dleasnais so cho’liona, feudaidh sinn a thuigsin, gun do ghleidh e thigh gu tric, no gun robh e gu h uaigneach na chairtealan, nach robh e na ghnathacha aige bhi dol mu’n cuairt an amaideachd ’s am faoineis maille ri droch cuideachd tha ruith air falbh le airgiod ’s aimsir dhaoine. Bha e fiosrach gun robh e freagearach do Dhia airson a bhuil a bheireadh e as na talanta sin, ’s air an aobhar sin cha drinn e ’n caithe a riaracha an-mianna. 4. Bha Cornelius a’ deanadh urnuigh ri Dia do ghna. Tha urnuigh na dleasnas ata dligheach do Dhia, ’s tha e mar fhiacha air gach neach a cuir an gniomh ciod air bith inbhe no aidmheil. Tha’n iobairt mhaduin ’s fheascair so air a h iarruidh a’ toirt a suas o’n champa co maith ’s o’n altair. O ’s fheudar do’n Ri air a chathair, do’n [TD 20] mhorair na luchairt, do’n t shagart san teampul, do’n fhear-cheird san bhuth, do’n oibriche-la san mhachair, an glun a luba’ do Dhia an Cruith’ear, an iarrtus, ’s an ath-chuinge chuir a suas ris airson grais ’s trocair ’s cliu ’s taingealachd iocadh dha gach la bhios iad beo air thalamh. Bha so na fhior chleachdain ag an duine dhiadhaidh Cornelius, os bar tha e cosmhail nach do thoilich se e fein le bhi deanadh urnuigh moch ’s an-moch an uaigneas, ach a teas ghradh a chridhe rinn e urnuigh ri Dia a ghna; ’s e sin, bha e ri urnuigh gu tric, gach la san teampul a’ cuir a suas ath-chuinge, ’s a cliuthacha Dhe ag amana suidhichte, na seirbheis fhollasaich, ’s os-bar bha e gach am eile ’n deagh ghleus gu urnuigh a dheanadh. Bha mothacha aige gun amharus do thruailleachd a naduir, ’s co fhuras ’s a bha e chum aoma’ gu peaca. Air an aobhar sin, lub e ghlun gu minic ag beulaobh Ri-chathair na trocair, leig e ris am fianuis De diomhaireachd a chridhe, dh’aidich e anmhuineachd fein, ’s ghuidh e comhnadh os n’aird a chum a stiuradh troi’ cheumana dorcha ’s sleamhuin na beatha so. Bha e san t-shuidheacha intin bheannuicht sin a’ deanadh urnuigh ri Dia ’nuair a thainig teachdaire dealruch d’a ionnsuidh le deagh sgeul o neimh mar ata sinn a’ leubhadh san chaibdeil o’m bheil briathradh ar teagaisg air an tarruing. Cha do mheas e na mhasladh air a staid urramaich [TD 21] e fein a chromadh sios ag cathair na’n gras, no na eas-onoir air ard-inbhe san armailt e fein aideacha mar pheacair truagh. ’S ged ’s maith a dh’ fheuta gu’n d’rinn daoine mi-dhiadhaidh fanoid, is tair air a chrabhadh mar a rinn a chlann air Elisa, ’nuair a thuirt iad ris, “Therig suas a chinn mhaoil, Therig suas a chinn mhaoil,” gidheadh bhuanaich eisean na dhleasnas, ’s thug a smuaineacha so co-fhurtachd ’s misneach da intin gu’m b’fhearr dol gu Neimh le masladh, no gu h ifrin le cliu. O! eisempleir thaitneach ’s chrabhach! Is a nise, mo chairdean, buailibh air ar ’nuchd ’s freagraibh mi gu neo-chealgach. Nach ’eil sibh a faicinn gun robh Cornelius na dhuine urramach, cliutach, ’s airidh air a cheumana leantuin? Innsibh dhomh air bhi d’ar cridhe nise air a bhuala’ le crabha’ mar ata mi ’n dochas, Am bheil sibh a’ gabhail tlachd do ghiulan a ghaisgich naomha so, ’s a’ miannacha bhur beatha chaithe cos’ail risin. Mu tha chuis mar so (’s gu’n deonaicheadh Dia nan uile ghras gu’m bheil) C’arson ata sibh a’ gluasachd air dhoigh ea-cos’ail risin, ’s ata bhur deanadas an aghaidh deanadas an duine mhaith so? Tha so gam thoirt air m’ aghaidh san. 2. Dh’ fheuchain cia ea-cosmail ris an deagh eisempleir so giulan ’s caithe beatha moran tha’n dras san armailt. [TD 22] Bha Cornelius na dhuine crabhach is neach air an robh eagal De. Ach am bheil moran agaibh se mo chairdean san t shuidheacha intin dhiadhaidh so? Am bheil sibh a’ gabhail eagail ’s a’ criothnacha’ ro mhorachd an ti ’s airde tha lionadh neimh ’s na talmhain le lathaireachd, ’s o shuil uile leirsineach nach fheudar ni air bith fholach? Fuilingibh d’ar coguis an fhirin innse, sibhse ata ciontach. Nach tearc, ro thearc iadsan nar measg tha san deagh run so. Cha’n ail leum ach beagan ainmeacha do na nithe air am bheil sibh a’ teachd goirrid a thaobh crabhadh. ’S air tus, a thaobh stuamachd. Mo thruaigh mo chairdean, nach lionmhor aireamh na muintir ’nar measg tha nan coigrich seadh na’n naimhdean do chaithe beatha measara’ ’s stuama. Cia tric a chluinnear cainnt shalach a’ teachd amach as bhur beul ni th’air a thoirmeisg am focal De ’s ata eadhon graineil dhoibh-san ata gar n eisteachd. Cia mor miann cuid agaibh an deigh òil. Chum an togra’ sina shasucha tha sibh a’ cruinneacha nar buidhne ’n tighean osda (tha gu tric mar nid do mhisgeara, ’s do dhaoine diomhain) far am bheil sibh a’ milleadh bhur slainte, ’s a’ caithe bhur n airgiod an aimhreit an neo-ghloine ’s am misg. Anns na tighean sin tha sibh gu minic a’ suidhe ri mionnan uabhasach, ’s a’ sein orain mhi-stuama. Mo chairdean, cha d’rinn Cornelius idir so. [TD 23] Aris tha bhur cionta’ thaobh geanmnachd an-bar, ’s ro fhollasach, air chor ’s nach fheudar aich-sheun. Cia furas bhur tarruing a thaobh le mnathaibh neo-ghlan na creutaire truagh sin tha sgaoileadh an lion ’s gach sraid, ’s a’ mealla’ na h uile ag nach ’eil gras gu teicheadh o’n innleachda. Tha sibh a’ gleidhe cuideachd le lethid sin do mhuintir mi-bheusach, ’s gar toirt fein thairis do dh’an-mianna neo-laghail. Mo chairdean, cha robh so ri chuir as leth Chornelius. Theid sinn air ar n aghaidh gu ni eile ainmeacha sam bheil bhur deanadas an aghaidh deanadas an duine dhiadhaidh so. Thug a’n deagh chliu so air Cornelius gum bu duine e air an robh eagal De, Ach rannsuichibh mo chairdean a nise bhur cridhe fein, ’s aidichibh an fhirin, Am bheil fiamh Dhe ’n taobh a stigh dhuibh? Am bheil sibh a’ cuir urram air ainm ro naomha, ’s air a reachd cothromach. Mo thruagh! nach fheudar aideacha gu’m bheil a chuis air atharacha. Cha’n ’eil eagal De fa chomhair bhur sul, ach ata sibh a’ fas dan an aingidheachd, ’s a’ dol air bhur ’n aghaidh le laimh laidir an cionta. Le briathra uaibhreach tha sibh a’ toirt dulan do’n uile chumhachdach ’s a ghna cuir eas-onoir air an ainm naomha sin leis am bheil sibh air bhur gairm. Mo chairdean, cha d’rinn Cornelius so. [TD 24] A ris, thug Cornelius moran deirce do’n t-shluagh. Gheibh sibh cron domh ’s maith dh’fheuta mu chuireas mi bhur staid-se ’n co’meas ri staid-san a thaobh nach ’eil bhur teachd-a-steach ach beag ’s le sin nach feud sibh moran airgiod a chuir amach an obair seirc. Tha fios agam gum bheil so fior, ’s tha aobhar agam a smuaineacha ’n deigh lòn a sholar ’s bhur sgeudacha fein an truscan glan taitneach mar ’s miann ler ceannardan bhur faicinn, nach bi ach fuigheal beag agaibh a chum bhur lamh a shineadh amach do’n fheumach. Ach san ghnothach so fein tha sibh toilteanach air achmhasan a thaobh ’s gu’m bheil sibh a struidheadh bhur maoin’, cia lughad, an amaideachd ’s a’ riaracha’ bhur n’an-mianna mi-laghail. Aon uair eile, ’s cuiridh mi crioch air a cho’meas neo-thaitneach so. Rinn Cornelius urnuigh ri Dia. Ach mo thruaigh mo chairdean, ’s tearc a mhuintir n’ar measg-se tha cleachdain ’n dleasnais so. Reir cos’lais ’s ann ata urnuigh air a fogra’ o’n armailt gu tur, ’s mallucha, ’s mionnan air teachd na h’aite. Tha moran agaibh ’s aobhar eagail a’ teachd beo as eug’ais urnuigh, ’s a’ caithe bhur laithean, bhur miosan, ’s bhur bliadhna, gu’n ghlun a’ luba’ do’n Dia a chruthaich sibh, no do’n Spiorad Naomha tha amhain comasach air bhur n anama naomhacha, ’s bhur deanadh iomchuidh airson ionad na’m flaitheas. Tha mi labhairt na [TD 25] firin ’nuair ata mi cuir so as bhur leth; oir, nam biodh sibh a gnathacha ’n dleasnais so, cuir suas bhur n ath-chuinge ag cathair nan gras, cha chluinteadh co-lion uair briathra oilteil, ’s mionnan uabhasach a’ teachd amach as bhur beul. Tha e na ghnothuch neo-thaitneach ’s anns nach ’eil mise idir a’ gabhail tlachd a bhi toirt achmhasan duibh air seol co-fhollasach, ’s a bhi cuir far comhair nithe anns am bheil sibh ciontach. Ach tha mi ga leigeil gar coguis fein gu’m bheil mi ’g innse na firin, ’s feudaidh morain agaibh fianuis a thogail, nach do chaomhain mi achmhasan a thoirt seachad ’nuair air an eisteachd a thug sibh eas-onoir do Dhia, no luaidh sibh ainm naomha ’n diomhain. Nise mur a thug mi cheana fa’near a thaobh ’s gur e so bhur gnathacha tha e neo-chomasach dhuibh urnuigh a dheanadh; oir, ata urnuigh ’s mionnan aghaidh a cheile mar ata solus ’s dorchadas, neamh agus talamh. Am feud duine bhi gairm sgrios a theachd air anam ’s air a chorp mar ata moran agaibh-se deanadh (le doilgheas tha mi ga aithreis) ’s an deigh so bhi crabhach ’s a’ cleachdain urnuigh. Cha’n fheud idir; oir, na’m b’e so a chuis chriothnuicheadh e ro ainm an De mhoir ’s cha toireadh e luaidh air ach le h urram ’s eagal diadhaidh. Nach biodh e na iongantas duine ’n ceart uair a bhi guidhe slainte d’ a anam, ach an ath uair, sgrios? Aon ni tha mi fiosrach, mata, iad- [TD 26] san ata ri mionnan gur gann idir ata iad ri urnuigh. B’fhearr gum biodh mallacha ’s mionnan, nithe tha co uabhasach air an cleachdain na b’ainmic san armailt. An saoil sibh gu’n dean mionan bhur comhra taitneach, gun cuir iad treubhantas nar gnuis, no gu’m fag iad ar lathaireachd eagalach? Am bheil sibh am barrail gun dean a bhi cleachdain mallucha ’s mionnan duine na shaighidear cliuteach ’s ainmeil? Mo thruaigh, dhaoine amaideach! cha’n ’eil meas gaisgich aig sluagh maith ’s glic air an neach sin tha gnathacha mionnan; cha’n ’eil iad ag amharc air mar dhuine treunmhor, misneachail, a thaobh e bhi an-diadhaidh ’s aingidh. Am bheil cuimhne agaibh air eachdraidh Gholiah ’s Dhaibhi. Bha airde fomhair aig a cheud fhear, a’ deana uail a neart ’s armachd fein ’s thug e dulan do Dhia Israeil. Bha’n dara fear na oganach iorasal, crabhach as eugmhais armachd, ’s cha robh e ri uail a threise fein amhuil mar am Philistineach uaibhreach ach chuir e mhuinghin an Tighearna nam feachd, ’s gidheadh, mharbh an t-oganach maoth so gun chlaidhe gun sgiath am fomhair mor sin a thug masladh do Dhia na’n sluagh ’s ghearr e dheth a cheann. Leigidh mi dhuibh am foghna iomchuidh a dheana dhe so. Ach an deigh so uile, tha mi ’n dochas nach ’eil sibh a’ cuir peaca ’n gniomh o run dulan a thoirt do Dhia ’s do chreide, no dh’fheuchain cia olc ’s aingidh [TD 27] ’s urrain duibh a bhi. Nam biodh so agaibh san amharo dh’an-tromaicheadh e bhur cionta; ach ’s ann ’s ail leum a shaoilsin tha sibh a’ ruith gu peaca, o dhroch cleachda, o’n chumhachd a fhuair togra mi-riaghailteach, ’s droch eisempleir os bhur ceann, ’s nach ’eil sibh a toirt fa’near an cuntart do’m bheil sibh buailteach. Air an aobhar sin, mu leigeis sibh leibh fein an gnothuch a ghabhail gur smuainte ’s geur bheachdacha air, cha chail mi dochas nach toir sibh eisteachd dhurachdach do dheagh chomhairle tha teachd o dheagh run. Fuilinghibh dhomh, mata, 3. Bhur n’ earralacha leis na h argumeinte is treise bhur beatha leasacha ’s eisempleir thaitneach Chornelius a leantuin. ’S air tus, thugaibh fa’near gum bheil e air orducha do na h uile dhaoine aon uair bás fhaghail. Tha’m bás ’s maith dh’fheuta ni’s dluithe dhuibh na tha sibh am barrail: Tha mac an duine buailteach do mhile cuntart ’s ge ta’ ’m bás an comhnuidh fosgailt gu luchd turuis a ghabhail a’ steach tha fagail an t shaoghail so. Cia ullaicht bu choir dhuinn uile bhi tha gach mionaid d’ar n’ aimsir buailteach do bhi air ar sguaba air falbh leis a bhás ’s a bhi air ar caramh an seomraiche dorcha’ na h uaigh. Ach tha bhur staid se, mo chairdean, ni’s cuntartaiche no staid muintir air bith eile. Cha’n e amhain gum bheil sibh buailteach do bhi [TD 28] air bhur spiona’ air falbh le tineas ach air bhur gearra sios leis a chlaidhe. Cha’n’eil fhios cia luath ’s a sheidear an trompaid ’s a gheibh sibh gairm dol amach gus a chath. Bithidh bhur beatha ’n sin anbar cuntartach, sgaoilte do dh’ioma gabhadh ’s dosguin, gach aon dhiu fa leth a dh’fheudas crioch a chuir air bhur laithean air thalamh. Nach brosnaich a bhi smuaineacha air so sinn, mata, gu deagh chaithe-beatha reir eisempleir Chornelius. ’S mu gheibh sibh bás (mar a thachair do mhilte) san bhlar le’r ’n uile pheacana air bhur ceann, bithidh bhur cor gun amharus ro thruagh. Cha bhi uine ’n sin gu h aithreachas, no am gu h urnuigh. Tha la na’n gras air dol seachad, ’s cha phill e ’m feasd tuille. Cha ghabh Dia trocaireach iochd no truaghas d’ar staid, cha dean fear-saoraidh gradhach bhur peacana ghlana’ air falbh na fhuil, no aingle coimheadachd bhur n anama ghiulan gu h ionada comhnuidh na’m firein an deigh an saoghal so fhagail. Air dhuibh a nise fhaicinn, mata, gum bheil beatha gu sonraicht beatha saighidear an-bar neo-chinteach, ’s buailteach do dh’ioma’ cuntart. Ciod a ghne dhaoine bu choir a bhi annuin ’s gach uile cho’-luadar naomha ’s diadhaidh. Bithibh air an aobhar sin crabhach, ’s biodh eagal De oirbh a ghna mar a bh’air an duine mhaith so, ’s mar sin bithidh sibh deas gach am fa chomhair bais. ’S ge do gheabh sibh gairm gu dol amach amhuil mar a [TD 29] fhuair mac gaisgeil Iese nochdaidh sibh sibh fein san áraich lan misnich ’s cruadail, Deut. XX. 1, 2, 3 4. “’Nuair a theid thu mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chi thu eich agus carbaid, agus sluagh a’s lionmhoire na thu fein, na biodh eagal ort rompa’, oir tha ’n Tighearna do Dhia maille riut, a thug amach thu a tir na h Eiphit. Agus an uair a dhluthaicheas sibh ris a chath, an sin thig an sagart am fagas, agus labhraidh e ris an t-sluagh. Agus their e riu, Eisd, O Israel, tha sibh an diugh a’ dol gu cath ’an aghaidh bhur naimhde: na biodh bhur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhan oirbh air an son. Oir tha’n Tighearna bhur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air bhur son ’an aghaidh bhur naimhde, a chum bhur tearnadh.” Cluinnidh sibh fuaim cogaidh gun gheilt gun fhiamh ’s le’r n urnuigh ’s armachd, buailidh ’s leonaidh sibh ceann bhur naimhdean mar a rinn Daibhi air ceann an fhomhair le clachaibh mine. ’S mu’s e bhur cranchur an la chath a bhi air bhur leigeil a sios ’s tuiteam ameasg nam marbh, cha bhi ach bhur coga’ air thalamh air a cho’ liona’, bhur deuchain air a criochnacha ’s sibh fein air bhur n atharacha o aimhreit, ’s o thrioblaid an t shaoghail so gu bhi cliuthacha Ri na gloir maille ri mal-shluagh neimh cian saoghal gun chrioch. O cuibhrion bheannuicht gach saighidear [TD 30] crabhach, tha e cuir cath le misnlch, a’ faghail báis an sith, ’s a’ teachd beo ’n gloir bhioth-bhuan! 2. Deanabh bhi smuaineacha air la uabhasach a bhreitheanais ’s air a gheur chuntas a th’agaibh ri thoirt seachad, air son bhur smuainte bhur briathra, ’s bhur gniomhara, sibhse, bhrosnacha gur caithe-beatha leasacha, ’s a bhi gluasachd an ceumana ’n duine naomha so. Innseam dhuibh le dearbhachd, gu’m bheil an cruaidh rannsuchaidh, ’s neo-bhaigheil a’ dluthacha san fheudar do’n chinne dhaoine air fad, ’s dhuibhse cuideachd seasamh ’m fianuis cathair bhreitheanais Chriosd gu freagradh airson bhur deanadais-san choluin maith no olc a bha iad. San la uabhasach sin bithidh na leabhraichean air am fosgla’, ’s uile ghniomhara bhur beatha air an deanadh follasach an sealla dhaoine ’s aingle. An sin bithidh uile dhroch’ smuainte bhur cridhe, uile dhroch bhriathra bhur beoil, ’s uile dhroch oibre bhur lamh air an toirt gu solus, ’s binn shiorruidh air a toirt amach do’n reir. Cia, mo chairdean, mar a bhios sibh comasach air seasamh ’n am na cruaidh dh fheuchain sin! cia mor luach deagh choguis air an la sin! ’nuair a bhios sibh ag osnaich le doilghios cridhe, glaodhaich ris na beantadh bhur folach o ghnuis fheargach an De mhoir sin ’s air ainm naomha air an do chuir sibh gu tric eas-onoir. Cia mar a ghuidheas sibh, ach [TD 31] an diomhain gun robh agaibh caithe-beatha naomha, cosmhail ris an duine mhaith so ’s gun do ghluais sibh na cheumana, Co ’s urrain innse gheilt ’s an uamhain a mhothaicheas sibh an taobh a stigh am biora’ dh’fhuilingheas sibh o achmhasan coguis san am sin mur dean sibh a nise bhur beatha leasacha ’s ullacha iomchuidh fa chomhair an la mhoir ’s eagalaich sin. 3. Deana’ bhi smuaineacha gu cudtromach air dorain ifrin, bhur co-eigneacha gu h aithreachas a chuir an gniomh, ’s bhur beatha chaithe, cosmhail ris a duine dhiadhaidh Cornelius. An deigh do’n bhreitheanas a bhi seachad, ’s a bhinn uabhasach sin teachd amach, “Imchibh uam-sa, sibhse, tha malluicht gu teine bith-bhuan.” Bithidh na h aingidh air am fogradh gu lochan tha losga’ le teine ’s pronasc, far nach básuich a chnuimh ’s nach muchar an teine ’m feasd. Anns a phriosan bhronach dorchadais, ’s an-dochais sin tha peacaich nach d’rinn aithreachas a’ fulang dorain do labhairt, air an sior chlaoidh leis an diabhol ’s aingle, ’s gach ball diu air an cradh, ’s air am biora’ leis an amhghar ’s mo, ’s leis na pianta ’s geire. Bithidh an t shuil adhaltranuch air a cuir amach an iomal dorchadais, an teanga bha cleachdain mallucha ’s mionnan, air a criona’ le lasraichibh teinteach, ’s am boinne uisge ’s lugha air aich-sheun dhi dh’fhuaracha teas neo-fhulang- [TD 32] ach, ’s an corp a bh’air a thruailleadh le misg, ’s neo-ghloin air a losga suas mar adhailt teine. ’S ni eile tha fathasd ni’s measa ’ge nach ’eil toil-intin a pheacaidh ach a mairichdin car tamuil tha’m peanas tha teachd na lorg gun chrioch, oir, tha deatach dorain na muintir a th’air an dite dol a suas gu brath ’s gu brath (mar ata ’n scrioptuir ag innse) ’s cha’n ’eil fois aca la no dh’oiche. Cha’n ’eil trioblaid an tshaoghail so mairichdin an cumantas ach tri fichead bliadhna ’s a deich, oir, ma mhaireas iad gu ceithir fichead, gidheadh, aig ceann na h uine sin theid iad sios leinn do’n uaigh, ’s cha chuir iad dragh oirn tuille ni’s mo. Ach tha dorain ifrin neo-chriochnach a’ mairichdin an deigh do dheich mile uair, deich mile do linntibh s do dh’aimsir dol seachad. ’S co, mo chairdean, ’s urrain comhnuigh le teine bith-bhuan? Cia eagalach an ni tuiteam an lamhan an De bheo! O bithibh, mata, glic ’n am, ’s thugaibh fa’near an fhirin chudtromach so, chum ’s gun teich sibh o’n fheirg ata ri teachd. O’n cheart uair so gabhaidh bhur ceud dheirrineach do mhionnan, do chluich air chairtean, do mhisg, ’s do neo ghloine. Bithibh stuama, bithibh geanmnaidh, bithibh measara’; gleidhibh naomha la na sábaid, teichibh o dhiomhanas saoghalta, o dhroch co-luadar. Cuimhnichibh gum bheil sibh ag Criosd nar saighideara’ ’s gu’n robh sibh air bhur gabhail a steach fo’n [TD 33] bhrataich aige-sin an am bhur baiste. Mhodaich sibh a bhi taireis, dileas d’a, ’s cha’n fheud sibh tionda’ le naimhdibh. Cuiribh umaibh, mata, uile armachd Dhe chum ’s gu’m bi sibh comasach air seasamh ’n aghaidh cuilbheartachd an diabhoil. Seasaibh uime sin, air bhi d’ar leasruidh criosluicht mu’n cuairt le firin ’s agaibh eudaidh-uchd na fireuntachd ’s ullacha soisgeul na sith mar bhroga d’ar cosaibh; os-cionn gach uile gabhail sgiath a chreide leis am bi sibh comasach air uile shaighde teinteach an droch aon a chosga’. ’S glacaibh clogaid na slainte, ’s claidhe ’n Spioraid ni ’s e focal De. 4. Deanadh bhi smuaineacha air aoibhneas neimh, ’s air a choran ghloir nach terig am feasd a th’air, a thasgaidh shuas fa chomhair gach saighidear fireunach aig Iosa, sibhse, dhusga’ gu caithe-beatha diadhaidh a reir eisempleir an deagh cheannard cheud so. Chuir, mo chairdean, Cornelius cath maith, choimhead e ’n creide, dhearbh e dhilseachd d’a mhaighstir choisrig se e fein do sheirbheis, ’s tha e nise air dol a’ dh’fhaghail a dhuais, ’s air suidhe sios maille ri miltibh do spiorada beannuicdt am fllaitheas na gloir, a’ feithe ath-theachd Chriosd a thoirt breith air an t shaoghal, ’nuair a gheibh e coran maiseach o laimh a Thighearna air nach tig a chaoidh smal. ’S co dhiu tha sibh am barrail tha e nise na aobh- [TD 34] ar gairdeachais no broin d’a gun robh a chaithe beatha air thalamh naomha neo-lochdach, ’s a reir aitheanta ’n Tighearna. Gun amharus na aobhar gairdeachais os-cionn smuainte thaobh ’s gum bheil sonas siorruidh air a chuir fa chomhair, ’s e fein amhain a’ feithe breitheanais an la mhoir gu aite-suidhe ghabhail ameasg naoimh ’s aingle ’s na neamha ’s airde. O! ’n dochas taitneach air nithe glor’mhor ri teachd. Biodh agaibh-se caithe-beatha ’n duine ionraic so, ’s bithidh bhur crioch dheirrineach cosmhail ri chrich san. Tha ard cheannard bhur slainte Iosa Criosd cheana air dol a suas gu neimh, ’s air suidhe sios ag deas laimh an Athar air ri-chathair a ghloir ag ullacha ionada comhnuidh air son fhior luchd muintir am maise ’s an gloine tha do labhairt, far am bheil aite suidhe air a dheasacha dhuibhse mar an ceadn’, ’s an teid coran gloir a chuir air bhur ceann mu ni sibh ach gleachd air son na buaidh, ’s luath ghair a dheanadh os-cionn bhur naimhde spioradail an saoghal an diabhol ’s an fheoil. Pillibh, pillibh, mata o’r droch shlighe chum ’s gum bi sibh air bhur teasairgin o dhorain ifrin, ’s air bhur n aiseag gu rioghachd shiorruidh Mhic gradhach Dhe. Tha gairdeuna trocair fathasd sinte amach gu gabhail ruibh an cairdeas. Cha’n ’eil tlachd aig Dia idir am bàs nan aingidh, ach ’s roghnuicheadh leis gun deanadh iad aithreachas, ’s a bhi beo. Tha’n Tighearna [TD 35] Iosa toileach gabhail ruibh mar a luchd muintir ’s bhur peacana’ ghlana air falbh na fhuil luachmhor, ’s tha’n Spiorad Naomha ghna tairgse bhur neartucha mu ni sinn a chomhna’ iarruidh le durachd. Pillibh, uime sin o’r droch shlighne, c’arson a bhásuicheas sibh nar peaca. ’Sa chum gu’m biodh an t-iompucha so o shatan gu Dia air oibreacha annaibh gu h iomlan cleachdaibh tha mi guidhe oirbh bhur lamhan ’s bhur cridheachan a thogail a suas gu tric an urnuigh dhurachdach ag cathair nan gras gun deana’ eisean ata comasach aigni ’s toil choirbte dhaoine riaghladh bhur n aigne ’s bhur toil a thionda gu diadhachd. O! cuiribh bhur n ath-chuinge suas airson trocair fhad ’s ata trocair ri faghail. An diu ’m feadh ’s a ghoirrear an la dheth gabhaibh ri tairgse na slainte, mu’m bi teud airgiod na beatha air fhuasgla, no mhios óir air a briste ’nuair a philleas an duslach gus an duslach mar a bha e, ’s an spiorad gu Dia thug seachad e. Deanaibh urnuigh a ghna leis an duine chrabhach Cornelius. Cha’n ’eil aite air bith neo-iomchuidh airson an dleasnais so, gu sonraicht an earrain sin dheth a th’air a dheanadh suas do dh’ath-chuinge ghoirrid ri Dia o theas gradh a chridhe. Feudaidh so bhi air a cho’liona’ ’nuair a dh’imicheas tu air an t-shlighe ’nuair a shuidheas tu gu biadh, ’nuair a luigheas tu sios, ’s ’nuair a a dh’eighreas tu suas. Bithibh cuideachd curamach ann a bhi dol tric gu tigh Dhe, [TD 36] far an cluinn sibh fhocal naomha air a leugha ’s air a shearmonacna meadhona ’ta gu mor gu bhur cuideacha gu trial air an t-shlighe threoruicheas gu neamh. Os-bar tha e feumail eolas iomchuidh fhaghail air nadur, crioch, ’s sochairean sacramuint Suipeir an Tighearna ’s sibh fein ullacha do reir a chum a gabhail air mhodh urramach. ’S a chum gu’m faigheadh sibh ceart bhreitheanacha air an diomhaireachd spioradail ’s neamhaidh so, ’s co iomchuidh ’s ata i gum biodh sibh nar luchd co-pairt do shochairean co-cheangal nan gras. Thugaibh fa’near gu maith nadur, ’s ceanglaichean bhur moide baiste ’s an co-cheangal a rinneadh eadar Dia ’s bhur n anama ’nuair a bhaisteadh sibh do Chriosd ’s a rinneadh sibh n’ar buil do eaglais fhaicsinneach. Bha tri nithe ’n sin air a ghealtuin, ’s air a mhoideacha n’ ar n ainm. 1. Gun ach-fheuna sibh an diabhol, ’s uile oibre, mor-chuis, ’s diomhanas an t shaoghail aingidh so, ’s uile an-mianna peacach na feola. 2. Gun creideadh sibh gach punc a bhuineas do’n chreide Chriosduidh. 3. Gu’n coimheada sibh toil naomha Dhe ’s aitheanta, ’s gun gluaiseadh sibh annta re uile laithe bhur beatha. Be so bhur co-cheangal ri Dia, ’s leis an aidmheil so bha sibh gu moch air bhur gabhail nar saighideara do Chriosd. An lorg so, mata, thionsguin Dia ruibh an co-cheangal, rinn e sibh n’ar buil do chorp diomhair a Mhic ionmhuin, roghnuich e sibh mar a [TD 37] chlann le h uchd-mhacdachd, ’s thug e dhuibh coir air oighreachd neimh. Nise, ’m bheil sibh a’ cuimhneacha a’ cho cheangail so, ’m bheil sibh a’ teachd beo reir na’n ceanglaichean fo’n tainig sibh? Am bheil sibh ri h athreachas treibh-dhireach co lion uair ’s ata sibh a briseadh moidean bhur baiste, ’s am bheil mothacha agaibh gu’n do chail sidh coir air na sochairean luachmhor sin a bhi an Criosd, an Dia ’s air an t-shlighe gu neimh co tric ’s a’ pheacaicheas sibh gu dana? ’S am bheil sibh do rire ri h aithreachas, a’ creidsin ’s a’ toirt umhlachd do’n t shoisgeul? Mu tha sibh a’ deanamh sin, tha sibh iomchuidh ’s ullaicht gu corp ’s fuil Chriosd a ghabhail an sacramaint naomha suipeir an Tighearna os-bar as eugmhais aithreachais creide ’s umhlachd nithe sonraicht a th’air iarruidh ’s air a mhoideacha aig am bhur baiste, tha e neo-chomasach gu’m feud sibh Dia thoileacha, no bhi iomchuidh dol gu bord an Tighearna. A cho-dhuna’, beachdaichibh gu tric, mo chairdean gradhach air meud gloir ’s sonais an t shaoghail neamhaidh. Tha fath ’s co-throm agaibh air so dheanamh, ni bheir tairbhe ’s sólas d’ar n anam ’nuair ata sibh air freiceadan an am tosdach ’s soleimte na h-oiche, ’nuair a ghabhas trom chadal greim do dhaoine s ata gach ni mur timchiol samhach ’s uabhasach. An sin feudaidh sibh gu’n neach a chuir dragh oirbh bhur [TD 38] suilean a thogail a suas ris na speuran tha dealruch le lochruin soluis, ’s le h urram aoradh dheana’ do’n ti tha gabhail comhnuidh san ionad shona sin, sgeudaicht le morachd agus gloir gun cho’meas, ’s a bhi smuaineacha obair luchd turuis sgith an t-shaoghail, cia taitneach obair luchd aiteachaidh an t-shaoghail bheannuicht ata shuas, seach cor luchd turuis sgith na beatha so, do’n fheudar ioma’ cruadal ’s d’fheuchain fhulang fhad ’s ata sinn air chuairt ann. Dheanadh bhi toirt fasgadh do lethid sin do smuainte naomha ’s taitneach bhur n aigne thogail bhar nithe diom-buan an t-shaoghail ata lathair, ’s bhur miann ’s bhur togra’ bheothacha ’n deigh sonas nam flaitheas; bhur gleidhe o bhuaire, ’s bhur neartucha ’n aghaidh seoltachd an diabhoil. Fa-dheoidh bheireadh bhi toirt caidreamh do smuainte mar sin sólas seachad fo sgios ’s amhghar na beatha so; misneach a chumail a suas fo gach an-shocair ’s mi-ghoirreas a th’air an tilge n’ar cranchar, ’s ghiulaineadh sibh iad le foighdin ’s co-fhurtachd; ’s air dhuibhsa bhi faghail sólas ’s misneach o gheallana Dhe bheir sibh fa’near gu’m bheil bhur n uile shaothair, fhaire, ’s phianta tha sibh an cursa’ freasdail an Tighearna fulang an seirbheis bhur Ri ’s bhur rioghachd air a cheann fo dheirre, tionda’ amach a chum bhur n ard shonas shiorruidh, le striochda’ do thoil De, chi sibh gu’m feud bhur n uireas’uidh do fhois, do bheartas, ’s do [TD 39] ghoirreas an t-shaoghail so, bhi na’m meadhona gur n uimeacha fa chomhair fois, urram ’s aoibhneas an t-shaoghail ata ri teachd. Gabhaibh, mata, le ciuneas ris na briathra comhairle ’s earrail so, tha mise toirt seachad leis an tuille durachd, ’s a’ guidhe eisdeachd a thoirt doibh, a thaobh ’s gur maith dh’fheuta nach faigh mi fath no cothrom a ris gu labhairt ruibh air an doigh so. Tha sibh gu so fhagail gu goirrid, ’s ri bhi air bhur suidheacha ’n aite eile, ’s’nuair a smuainicheas sinn a luithead ni dh’fheudas tachairt san bheatha neo-chinteach so, cha’n ’eil fhios am faic sinn gnuis h aon a cheile air an doigh fhollasach so gu brath tuille gus an tig an t am an nochdar sinn air fad ag lathair cathair bhreitheanais Chriosd gu freagradh airson ar gniomhara air thalamh. ’S O! ciod an taisbean uabhasach, ciod an choinneamh bhrònach a bhios an sin mur gabh sibh a nise ri’m chomhairle ’s tora’ thoirt amach iomchuidh airson aithreachais, oir, ’s fheudar dhomh an sin tionda ’m fhear-casaid n’ar ’n aghaidh ’s fianuis a thogail gu’n tug mi rabha dhuibh teicheadh o’n fheirg ata ri teachd, ’s gu’n do chuir sibhse mo chomhairle uile ’n neo-bri ’s nach b’ail leibh gabhail ri’m achmhasan. Ach, mo chairdean, tha dochas agam ri nithe ’s fearr uaibhse, ’s nithe tha leantuin slainte ged’ ata mi mar so labhairt. [TD 40] Co-dhunaidh mi nise ’n t-iomlan le earrail no dha thoirt do na daoine uaisle tha nan ceannarda san armailt. Tha mi fiosrach gur e bhur miann bhur daoine fhaicinn an ordu’ maith, an sgeudacha taitneach, ’s an deagh fhoghlum, gu’m bheil sibh a’ deanamh bhur dicheal a chum an togail a suas gu coga’ ’s fear ghleus, meas a bhi aca oirbhse ’s urram a thoirt do’n Ri. Tha sibh ri so gu maith, ach tha mi ’n earbsa nach ’eil sibh a’ stad an so. ’S aithne dhuibhse, dhaoine uaisle, bhur dleasnas fein, ach ceudaichibh dhomh an earrain chudtromach sin dheth a chuir n’ar cuimhne faire theann a dheanamh air giulan ’s beusan na’n saighideara tha fodhaibh. Dh’aontaich an ceannard crabhach Cornelius so thoirt fa’near (mu’m bheil air innse dhuinn) ag an robh saighidear diadhaidh a lean e, ’s feudaidh sinn a smuaineach gu’m be ’n eisempleir thaitneach ’s an co-luadar stuama’ chuir a mhaighstir roimhe b’aobhar gu’n robh aige-san deagh bheusan ’s gluasachd naomha. Biodh an ceannard treunmhor ’s oirdheirc so agaibh mar rioghailt stiuradh; triallaidh an ceumana ghaisgich ainmeil so ’s thugaibh air bhur n iochdarain a bhi glic, maith, le’r n ordu’ ’s eisempleir. Co s urrain innse ciod a ghloir a shruthas do Dhia, cia mar a shoirbhicheas leis an armailt, ’s gach cuis, ’s ciod an sólas a dh’eighreas an intin a lethid sin do cheannard a bhios faicileach air cosg a’ chuir air an olc, [TD 41] gu sonraicht aingidheachd uamhara mar ata mallucha ’s mionnan a chum am bheil am buaire ’s lugha’ mar a dh’innis mor Dhuic aon uair roi so da shaighideara. A thaobh, mata, gum bheil saighideara gu tric buailteach do’n pheaca so, ’s ga chuir an gniomh gu follasach, bhiodh e fhuras a mhuintir tha ciontach a thoirt gu peanas, ’s mar so a chumail fo chois. Nan nochda ceannardan feachd am fuath do mhionnan ’s gruaim a chuir orra ris a mhuintir a chluinneadh iad ri sin, dh’fheuda so moran a dheana chum cosg a chuir air, ach dheanadh bhi toirt ciontaich gu naire fhollasach air uairibh ’s gu peanas, fhogra air falbh gu tur. Air dhuibhse, dhaoine uaisle, so ghabhail gur smuainte, tha mi ’n dochas gun cum sibh suas urram Dhe air an d’rinneadh dimeas le bhi deanadh bhur dicheal gu cosg a chuir air a pheaca uamhara so, ’s mu tha sibh a deanadh so, ’s ag oireapacha gach earran eile d’ar dleasnas a thaobh Dhe ’s dhaoine cho’liona gheibh sibh sólas o bhi gnathacha so eadhon san bheatha tha lathair, ’s ’nuair ata ar coga’ air a chriochnocha bhos air thalamh bithidh sibh air bhur n-arducha ameasg armailt Tighearna nan slogh, ’s cliuthaichidh sibh e le luathghair, shiorruidh an rioghachd neimh. [TD 42] Ni gu’n deonaicheadh Dia do throcair neo-chriochnach air sga toilteanas ard-cheannard bhur slainte Iosa Criosd, dhasan, maille ris an Athair ’s an Spiorad Naomha tha beo ’s a rioghcha aon Dia, saoghal gun chrioch. Amen. BRIATHRA DIADHAIDH AIR AN CUIR A SUAS MAR ATH-CHUINGE GHOIRRID, AIR AN TARRUING A LEABHAR NAN SALM. Airson Maitheanais Peacaidh. DEAN trocair oirn O Dhe ’n deigh do mhoir mhaitheas a reir lionmhoireachd do throcair dean air falbh mo chionta. Nigh mi gu tur o’m aingidheachd, ’s glan mi o’m pheaca. Pill do ghnuis o’m pheacana, ’s cuir as m-uile dhroch ghniomhara. Tha mo dhroch ghniomhara buathacha ’m aghaidh: O bi-sa trocaireach do’m eas-aontas. Pill mise, O Thighearna ’s teasairg m’anam: O sabhail mi air sga’ do throcair. [TD 43] Airson Grais. TEAGAISG dhomh do shlighe, O Thighearna, ’s gluaisidh mi ann a’d t’fhirin: O ceangail mo chridhe riutsa chum ’s gu’m bi eagal t-ainm orm. Cruthaich annam cridhe glan, O Dhe, ’s ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhiom. Tionda’ air falbh mo shuile air eagal ’s gun amhairc iad air diomhanas ’s beothaich mi ann a’d’ shlighe. Co ’s urrain innse co-lion uair ’s ata e peacacha? O! glan mise o’m chionta dhiomhair. Gleidh do sheirbhiseach mar an ceadn o pheaca dana, air eagal ’s gu’m faigh iad lamh an uachdar os mo chionn; mar so bithidh mi neo-thruaillidh, ’s neo-chiontach o mhor pheaca’. URNUIGH air a toirt o’n SCRIOPTUIR naomha ’n aghaidh Mionnan, Breagan, ’s Droch Cainnt. O THIGHEARNA, ’s tu Dia na firin, ’s as eug’ais easontais, cuir freacadan fa chomhair mo bheoil, ’s cuir t eagal ann mo chridhe chum ’s nach toir mi chaoidh [TD 44] eas-onoir air ainm mo Dhe, nach mionnaich mi air gu h eucorach, ’s nach toir mi t ainm an diomhaineas, teasraig m’anam, O Thighearna, o bhilibh breugach ’s o theangaidh mhealtach. Dion mi o’n chridhe tha dealbh smuainte aingidh, o fhianuis bhreugach; ’s uaithe-san ata cuir eas-aonachd ameasg bhraithre. Biodh gach uile shearbhadas, ’s corruich ’s fearg, ’s ard ghlaodhaich, ’s droch cainnt air a chuir air falbh uam maille ris gach uile mhi-run a chum ’s nach deanam olc do’m choimhearsnach, ’s nach togain droch sgeul air mo choimhearsnach. Deonaich so tha mi guidhe ort air sga’ Iosa Criosd. Amen. Airson Measarachd Geanmnachd’s Stuamachd. O DHE uile thoirbheartaich tha toirt lo’n do gach uile fheoil; aig am bheil do throcair a’ mairichdin gu brath. Deonaich co dhiu dh’ itheas no dh’olas, no ciod air bith eile ni mi, gun dean mi na h uile chum do ghloir. Teagaisg mi O Thighearna, teachd beo gu measara san t shaoghal ata lathair gun a bhi ga mhi-chaithe. An aire thoirt dhomh fein air eagal uair air bith gum bi mo chridhe fo uallaich le geocaireachd ’s misg. Gleidh mi o an-bar fiona, o gheocaireachd, ’s o photaireachd, ’s o’n mhuintir tha ga- [TD 45] bhail iongantais nach ’eil mi ruith leo gus a cheart neo-measarachd. Glan mi o uile thruailleachd na feola ’s an spioraid, a chum ’s gu’n co-lion mi naomhachd ann a’d ’t eagal-sa mo Dhia ’s gun gleidhe mi mi fein neo-thruaillidh o’n t shaoghal. Na gabha’ sannt na colla, no an-mianna na feola greim dhiom, ’s na toir do sheirbhiseach thairis do dh’intin dhana. Mar ’s e ar corp teampul an Spiorad Naomha ata annain, a th’againn uatsa ar Dia, ’s cha leinn fein sinn, ach tha sinn air ar ceannuch le luach; deonuich uime sin gu’n gloraich sinn thusa ler corp ’s ler nanam ’s leatsa. A chum air do lamhan glan ’s do chridhe glann a bhi againn, ’s caithe-beatha neo-thruaillidh gu’m faigh sinn beannacha uatsa Dia ar slainte, trid Iosa Criosd. Amen. CRIOCH.