[TD 1] LEABHRAICHEAN AN T-SEANN TIOMNAIDH, AIR AN TARRUING O’N CHEUD CHANAIN A CHUM GAELIC ALBANNAICH. ANN AN CEATHAIR EARRANNAIBH. EARRANN IV. Air iarrtas na Cuideachd urramaich ata chum eolas CRIOSDAIDH a sgaoileadh air feadh Gaëltachd agus eileana na h-ALBA. CLÒDH-BHUAILTE ANN AN DUN-EIDEAN, Le UILLIAM SMELLIE. Agus ri ’n reic le W. GRAY. M,DCC,LXXXVI. [TD 2] Entered in Stationers Hall, according to Act of Parliament. [TD 3] ADVERTISEMENT. As many learned men have of late years bestowed much pains on the explaining of the SACRED SCRIPTURES, it would be highly improper, in giving a new Translation, not to profit by their labours. In Translating ISAIAH especially, it would be unpardonable to make less use than is done here of the admirable Version of Bishop LOWTH. In Translating the other PROPHETS, besides a diligent comparison of the most approved ancient Versions, the Translator has availed himself of the most important remarks in Mr. BLAYNEY, Bishop NEWCOME, Father HOUBIGANT, and the Dissertations of Dr. KENNICOT. From this cause, and from a nearer conformity to the arrangement and idiom of the original than the genius of the English language would permit, proceed any variations from the established English Version that may be observed in the following Volume. The uniform design, however executed, was to be as faithful, as literal, and as like the original as possible; and to convey the clearest and most distinct ideas of what was judged to be the mind of the Sacred Writers, by using the plainest and most obvious language.——It was intended to have accompanied this Volume with an Introduction, containing some account of the different Prophets, and the state of their country when they lived—general and particular remarks tending to illustrate the prophetic stile—the contents and transitions of each chapter—the circumstances which they occasionally allude to—and the various events to which they seem to refer. But this, having necessarily exceeded the bounds of an Introduction, is reserved for some little time for a separate Publication. [TD 4] Leabhraichean nam FAIDHEAN. ISAIAH anns am bheil 66 CAIB. IEREMIAH 52 TUIREADH 5 ESECIEL 48 DANIEL 12 HOSEA 14 JOEL 3 AMOS 9 OBADIAH 1 IONAH 4 MICAH 8 NAHUM 3 HABACUC 3 SEPHANIAH 3 HAGAI 2 SECHARIAH 14 MALACHI 4 [TD 5] ISAIAH. CAIB. I. FAISNEACHD Isaiah mhic Amois, a dh’ fhoillsicheadh dha mu thimchioll Iudah agus Ierusaleim; ann an laithibh Usiah, Iotaim, Ahais, Heseciah, righrean Iudah. 2 Eisdibh, O neamha; ’s thoir fanear, O thalaimh! oir is e Iehobhah a ta labhairt. Dh’àraich mise clann, agus thog mi suas iad, agus chlaon eadhon iadsan air falbh uam. 3 Is aithne do ’n damh a shealbhadoir, agus do ’n asail prasach a tighearna: ach cha’n aithne do Israel mise; ni mò tha mo shluagh-sa ag toirt fanear. 4 Ah, cinneach peacach! sluagh luchdaichte le aingeachd! ginealach do luchd do-bheairt! clann an aghaidh dùchais! thréig iad Iehobhah, chuir iad cùl le tàir ri Ti naomha Israeil; chaidh iad air seachran uaith; thionndaidh iad an cùl ris. 5 Ciod am ball air am buail sibh a rìs, air an leag sibh tuille smachdachaidh? tha ’n ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann: 6 O bhonn na coise eadhon gu ruig an ceann, cha ’n ’eil fallaineachd air bith ann; is lot, agus leòn, agus galar gràin e: cha do theannaicheadh e, ni mò cheangladh e, ni mò chaidh a thaiseachadh le oladh-ungaidh. 7 Tha bhur dùthaich fàs, ’ur bailtean air an losgadh le teine; bhur fearann, fa chomhair ’ur sùl tha coigrich ’ga shlugadh a suas: agus dh’ fhàs e uaigneach, mar gu biodh e air a sgrios le tuil. 8 Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan-fasgaidh ann am fion-lios, mar thigh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a ghlacadh le feachd. 9 Mur deanadh Iehobhah Dia nan sluagh iarmad fhàgail againn, dh’ fhàsamaid gu luath mar Shodom; bhitheamaid cosmhuil ri Gomorrah. 10 ¶ Eisdibhse focal Iehobhah, O mhaithean Shodoim; thugaibh aire do reachd ar Dia-ne, O shluagh Ghomorrah! 11 Ciod mo ghnothuch-sa ri lionmhoireachd ’ur n-iobairtean? deir Iehobhah: tha mi air mo ghràineachadh le tabhartais-loisgte reitheachan, agus le saill bheathaichean biadhta; agus ann am fuil tharbh, agus uan, agus ghabhar, cha ’n ’eil tlachd air bith agam. 12 ’Nuair a thig sibh gu’r taisbeanadh fein ann am làthair-sa cò dh’ iarr so air ’ur làmhaibh? 13 Na saltraibh mo chùirt- [TD 6] ISAIAH. CAIB. I. ean-sa ni’s mò; na tugaibh tabhartas diomhain leibh ni’s mò: tùis! is gràinealachd i dhomhsa. A’ ghealach ùr, agus an t-sàbaid, agus an co-chruinneachadh air a ghairm, cha’n fheudar leam fhulang; an trasg agus là an toirmeisg. 14 Bhur mìosan, agus ’ur feillean, is fuath le m’ anam: tha iad ’nan uallach orm; tha mi sgìth d’an giulan. 15 An trà sgaoileas sibh a mach bhur làmhan, folaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh an uair a ni sibh urnuighean lionmhor, cha’n eisd mise; oir tha bhur làmhan làn do fhuil. 16 Nighibh, deanaibh glan; cuiribh air falbh am fad uaibh olc ’ur deanadais a fianuis mo shùl-sa: 17 Sguiribh a dheanamh uilc; foghlumaibh maith a dheanamh; iarruibh breitheanas; leasaichibh an ni a ta air a thruailleadh; deanaibh ceartas ris an dilleachdan; dionaibh cùis na bantraiche. 18 ¶ Thigibh a nis, agus tagramaid le cheile, deir Iehobhah: ge do robh ’ur peacanna mar scarlaid, bidh iad geal mar shneachda; ge do robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar olainn. 19 Ma bhios sibh toileach agus umhal, beathaichear sibh le maitheas an fhearainn; 20 Ach ma dhiultas sibh agus ma bhios sibh ceannairceach, bithidh sibh mar lòn do chlaidheamh an nàmhaid: oir beul Iehobhah labhair e. 21 ¶ Cionnus a dh’ fhàs a’ chaithir dhìleas na striopaich! ise bha làn do chothrom, anns an robh ceartas a’ gabhail comhnuidh; ach a nis mortairean! 22 Dh’ fhàs d’ airgiod ’na shlaoit; tha d’ fhion air a mheasgadh le h-uisge. 23 Tha d’ uachdarain ceannairceach, ’nan companacha mheirleach; tha gach aon diubh a’ gradhachadh tìolaic, is ag iarruidh dhuaisean: do’n dilleachdan cha ’n ’eil iad a’ frithealadh ceartais; agus cùis na bantraiche cha ’n ’eil a’ teachd ’nan làthair. 24 ¶ Uime sin deir an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh, Ti cumhachdach Israeil: Aha! bheir mi fois dhomh fein o m’ eascairdibh; ni mi dioghaltas air mo naimhdibh. 25 Agus bheir mi mo làmh air a h-ais ort: agus glanaidh mi anns an fhuirneis do shlaoit; is bheir mi air falbh d’ uile shalchar. 26 Agus bheir mi air an ais do bhreitheamhna, mar a’ cheud uair; agus do chomhairlich, mar air tùs: agus ’na dheigh so goirear mar ainm riut, baile na fireantachd, a’ chaithir dhìleas. 27 Bidh Sion air a saoradh ann am breitheanas, agus a braighdean ann am fireantachd. 28 Ach glacaidh leir-sgios na ceannaircich agus na ciontaich le cheile; agus bidh iadsan a threigeas Iehobhah air an caitheamh. 29 Oir bidh nàire oirbh do na cuilionnaibh, anns an robh ’ur tlachd; is bidh rugha gruaidh oirbh air son nan liosan a roghnaich sibh. 30 ’Nuair a bhitheas sibh mar chraoibh chuilinn, aig am bheil a duilleach air seargadh; agus [TD 7] ISAIAH. CAIB. II. mar lios anns nach ’eil uisge sam bith. 31 Agus bidh an cumhachdach mar asgart, agus obair mar shrad theine; agus loisgidh iad araon le cheile, ’s cha bhi aon neach ann a mhùchas iad. CAIB. II. AM focal a dh’ fhoillsicheadh do Isaiah mac Amois, do thaobh Iudah agus Ierusaleim. 2 Tarlaidh anns na làithibh deireannach, gu bi sliabh tighe Iehobhah air a dhaighneachadh air mullach nan sleibhtean; agus ardaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h uile chinnich d’a ionnsuidh. 3 Agus theid moran shineachan agus their iad: Thigibhse, agus rachamaid a suas gu sliabh Iehobhah; gu tigh Dhe Iacoib: agus teagaisgidh e dhuinn mu shlighibh; agus gluaisidh sinne ’na cheumaibh: oir o Shion theid a mach an lagh, agus focal Iehobhah o Ierusalem. 4 Agus bheir e breth am measg nan cinneach; agus oibrichidh e geur-mhothachadh ann am moran shluagh: agus buailidh iad an cloidhean gu coltair, agus an sleaghan gu corrana-sgathaidh: cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich; is cha ’n fhoghlum iad cogadh ni ’s mò. 5 ¶ O a thigh Iacoib, thigibhse, agus gluaiseamaid ann an solus Iehobhah! 6 Gu deimhin dhiobair thu do shluagh, tigh Iacoib: a chionn gu bheil iad air an lionadh le fiosaichibh o’n aird an ear; agus le luchd-fàisneachd mar na Philistich; agus tha iad a’ cur an lionmhoireachd sliochd diolain cloinne coimhich. 7 Agus tha am fearann air a lionadh le airgiod agus òr; is cha ’n ’eil crioch air bith aig an storas: agus tha am fearann air a lionadh le eachaibh; is cha ’n ’eil crioch air bith air an carbadaibh. 8 Agus tha am fearann air a lionadh le iodholaibh; tha iad a’ sleuchdadh a sios do obair an làmha fein, do ’n ni sin a rinn am meura: 9 Air an aobhar sin lùbar a sios an duine suarach, agus ìslichear an duine cumhachdach; is cha toir thusa dhoibh maitheanas. 10 ¶ Imich a steach do ’n charraig, is folaich thu féin anns an ùir; o eagal Iehobhah, agus o ghloir a mhòralachd, ’nuair a dh’éireas e gus an talamh a bhualadh le h-uabhas. 11 Bidh sùilean arda dhaoine air an ìsleachadh; is airde dhaoine cromaidh a sios: agus bidh Iehobhah ’na aonar air ardachadh anns an là sin. 12 Oir tha là Iehobhah Dhia nan sluagh an aghaidh gach ni uaibhreich agus aird; is an aghaidh gach ni tha air ardachadh; agus bithidh e air ìsleachadh. 13 Eadhon an aghaidh uile sheudara Lebanoin, ard agus togta suas; agus an aghaidh uile dharaga Bhasain: 14 Agus an aghaidh nan uile shleibhtean; a’ mhuinntir arda; ’s an aghaidh nan uile bheanntan, a’ mhuinntir a thogadh a suas; 15 Agus an aghaidh gach [TD 8] ISAIAH. CAIB. III. tùir, ard-thogta; ’s an aghaidh gach dùin, deagh-dhaighnichte. 16 Agus an aghaidh uile longan Tharsis; agus an aghaidh gach uile oibre thaitneich innleachdaich. 17 Agus cromaidh uabhar duine sios; agus ìslichear airde dhaoine; agus bidh Iehobhah ’na aonar air ardachadh anns an là sin: 18 Agus theid na dealbhan gu buileach as an t-sealladh. 19 Agus theid iad a steach gu h-uamha nan creag, is gu tuill na talmhainn; o eagal Iehobhah, ’s o ghloir a mhoralachd, ’nuair a dh’éireas e gus an talamh a bhualadh le h-uabhas. 20 Anns an là sin tilgidh duine uaith a dhealbhan airgid, agus a dhealbhan òir, a rinn iad gu sleuchdadh dhoibh, a chum nam famh agus nan ialtag: 21 Gu dol a steach gu h-uamha nan creag, is gu còsa nan creaga carraigneach: o eagal Iehobhah, ’s o ghloir a mhoralachd, ’nuair a dh’éireas e gus an talamh a bhualadh le h-uabhas. 22 ¶ Na earbaibhse ni ’s mò a duine, aig am bheil anail ’na chuinneanaibh; oir ciod anns am feudar maoidh as? CAIB. III. OIR feuch, atharraichidh an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh a Ierusalem, agus o Iudah, gach uile phrop agus cul-taic; uile chul-taic an arain, is uile chul-taic an uisge; 2 An duine cumhachdach agus am fear-cogaidh; am breitheamh, agus am fàidh, agus am fiosaiche, agus an duine glic: 3 Uachdaran an leth-cheud, agus an duine urramach; agus an comhairliche, ’s am fear ealainn seolta, ’s an cainnt-fhear deas-bhriathrach. 4 Agus ni mi leanaba ’nan uachdarain orra; agus riaghlaidh naoidheana os an cionn. 5 Agus bidh an sluagh air an sàruchadh, aon duine le duine eile: agus buinidh gach neach r’a choimhearsnach gu beadaidh; an leanabh ris an aosda, ’s an suarach ris an urramach. 6 Air an aobhar sin glacaidh neach a bhràthair, do thigh athar, air thrusgan, ag radh: Thig-sa, agus bi ann ad fhear-riaghlaidh os ar cionn; is cumadh do làmh a suas ar n-aomadh. 7 An sin bheir e briathran gu follasach, ag radh: Cha bhi mise ann am fhear-leighis air ’ur bristeadh; oir ann am thigh cha ’n ’eil aon chuid aran, no eudach: na suidhichibh mise ann am fhear-riaghlaidh air an t-sluagh. 8 Oir tha Ierusalem ag aomadh, is Iudah a’ tuiteam; a chionn gu bheil an teangannan agus an lamhan an aghaidh Iehobhah; a bhrosnuchadh le’n eas-umhlachd neul a ghloire. 9 Tha dalmachd an gnùise a’ togail fianuis ’nan aghaidh; oir tha iad, cosmhuil ri Sodom, a’ deanamh am peacaidh follasach, cha ’n’eil iad ’ga fholach: Mo thruaighe an anama! oir orra fein thug iad a nuas dòrainn. 10 Labhraibhse beannachd air an fhirean: gu deimhin tarlaidh gu maith dha-san; oir toradh a ghniomha fein ithidh e. 11 Mo thruaighe an t-aingidh: is olc is cuibhrionn da-san: oir diolar obair a làmha fein ris. 12 Air son mo shluaigh-sa [TD 9] ISAIAH. CAIB. IV. dheth, is clann an luchd sàruchaidh; agus tha mnài a’ riaghladh tharta. O mo shluagh, tha do luchd-iuil ga d’ chur air seachran; agus a’ fiaradh slighe do cheumanna. 13 ¶ Tha Iehobhah ag éirigh a thagradh a chùise: tha e ’g éirigh suas a dheanamh strì r’a shluagh. 14 Coinnichidh Iehobhah ann am breitheanas seanoirean a shluaigh agus an uachdrana: air bhur son-sa dheth, chaith sibh mo lios fiona: tha leir-chreach nam bochd ann ’ur tighibh. 15 Ciod is ciall duibh, gu bheil sibh a’ bruthadh mo shluaigh-sa, agus a’ bleth eudana nam bochd? deir Iehobhah Tighearna nan sluagh. 16 ¶ Os barr thubhairt Iehobhah: A chionn gu bheil nigheana Shioin uaibhreach; agus ’nan imeachd a’ leigeadh ris a’ mhuineil, is a’ cur sgeimhe breugaich air an sùilean le dath; ag imeachd le ceumaibh iullagach, agus a’ siubhal le’n casaibh gu h-eutrom. 17 Air an aobhar sin maolaidh an Tighearna ceann nigheana Shioin; is leigidh Iehobhah ris an nàire. 18 Anns an là sin bheir an Tighearna uatha usgraichean nan cas-fhainneachan, agus an lion-obair, agus na samhlacha-gealaiche; 19 Na cluigeanan, is na làmh-fhainneachan, is na sgàileachan tana; 20 Na cuaileanan, agus na stìoman, agus na criosan, agus na soireachan-boltraich, agus na leugan; 21 Na fainneachan, agus na seuda-sròine; 22 Na trusgana gréise, agus na tonnagan, agus na cleocan, agus na sporana beaga; 23 Na culaidhean tana soilseach, is na peiteagan grinne anairt; agus na curaichdean, agus na falluingean: 24 Agus bithidh ann an àite boltraich, neasgaid bhreun, agus ann an àite trusgain deagh-chriosluichte, broineagan; agus ann an àite fuilt ann an ard-uigheam, maoile; agus ann an àite crios-uchd, ceanglachan saic-eudaich: craicionn grian-loisgte ann an àite maise. 25 Tuitidh do shluagh leis a’ chlaidheamh, agus do dhaoine cumhachdach anns an àraich. 26 Agus ni a dorsan tuireadh is bròn; agus uaigneach suidhidh i sios air an talamh. CAIB. IV. AGUS ni seachd mnathan greim air aon duine san là sin, ag radh: Ar n-aran fein ithidh sinn, agus le’r n-eudach fein bithidh sinn air ar n-éideadh, a mhain leig dhuinn a bhi air ar n-ainmeachadh ortsa; thoir air falbh ar mi-chliu. 2 Anns an là sin bidh Meangan Iehobhah glormhor agus urramach; is toradh an fhearainn oirdheirc agus maiseach, air son a mheud as a theid as do thigh Israeil. 3 Agus tarlaidh, cò air bith a bhios air fhagail ann an Sion, agus a dh’ fhanas ann an Ierusalem, naomha goirear an ti sin; gach aon a ta scriobhta measg nam beo ann an Ierusalem. 4 ’Nuair a nigheas an Tighearna air falbh salchar nigheana [TD 10] ISAIAH. CAIB. V. Shioin, agus a bhios fuil Ierusaleim air a h-atharrachadh as a meadhon, le spiorad breitheanais, agus le spiorad losgaidh. 5 An sin cruthaichidh Iehobhah air làr sleibhe Shioin, is air a h-uile cho-thional naomha, neul anns an là, agus deatach; agus dealradh teine lasaraich anns an oidhche: seadh, thar an iomlan bidh a’ Ghloir mar chòmhdachadh. 6 Agus mar phailliunn bithidh e air son sgàile anns an là o’n teas, agus air son fasgaidh, agus dìdein, o’n doininn agus o’n uisge. CAIB. V. SEINNEAM a nis òran do m’Annsachd; òran gaoil mu thimchioll a lios fiona. Bha aig mo Ghràdh-sa fion-lios, air sliabh ard agus torthach: 2 Agus chuir e callaid m’a thimchioll, is ghlan e o chlachaibh e, agus shuidhich e le fineamhuin Shoreic e; agus thog e tùr ’na mheadhon, is chladhaich e ann mar an ceudna linne: Agus bha sùil aige gu tugadh e seachad caoranna fiona; ach thug e mach dearca puinnsein. 3 Agus a nis, O a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus fheara Iudah, thugaibh breth, guidheam oirbh, eadar mise ’s mo lios fiona: 4 Ciod tuille dh’ fheudta dheanamh ri m’ lios fiona-sa, ach na rinn mi ris? Ciod, ’nuair a bha mo dhùil gu tugadh e mach caoranna fiona, nach d’ thug e mach dearca puinsein? 5 Ach thigibh a nis, agus feuchaidh mise dhuibh ciod a th’ ann am aire a dheanamh ri m’ lios fiona: A challaid a thoirt air falbh, agus bithidh e air itheadh a suas; a dhaighneach a sgrios, agus bithidh e air a shaltairt a sios. 6 Agus ni mise nochd-làrach dheth; cha sgathar e, ni mò a ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droighionn a nios ann; is bheir mise do na neulaibh àithne nach fras iad uisge sam bith air. 7 Gu deimhin is e fion-lios Iehobhah Dhia nan sluagh tigh Israeil, agus muinntir Iudah dos a shòlais: agus dh’amhairc e air son breitheanais, ach feuch ain-tighearnas: agus air son ceartais, ach feuch gaoir na muinntir shàruichte. 8 Is mairg dhuibhse, a ta cur tighe ri tigh; a ta cur faiche ri faiche le cheile, gus nach bi aon àite ann, agus tha bhur comhnuidh agaibh dhuibh fein a mhain, ann am meadhon an fhearainn. 9 Do m’ chluais-sa rinn Iehobhah Dia nan sluagh fhoillseachadh: Gu deimhin bidh moran thighean ’nan leir-sgrios; na tighean mora agus maiseach gun aon ’gan àiteachadh. 10 Bheir deich acairean do lios fiona aon bhat fiona, agus bheir homer do shiol uaith ephah. 11 Is mairg dhoibh-san a dh’ éireas gu moch sa mhadain, a dhol an deigh dibhe làidir; a shuidheas fada san anmoch gus an dean fion an teasachadh: 12 Aig am bheil a’ chlàrsach, agus a’ chruit-chiuil, an tabor, agus a’ phiob, agus fion, a thoirt doibh toil-inntin; ach obair Iehobhah cha’n ’eil iad a’ cur an suim; is [TD 11] ISAIAH. CAIB. V. gniomh a làmha-san cha ’n’eil iad a’ toirt fanear. 13 Uime sin tha mo shluagh-sa dol am bruid le diobhail eolais; agus bhàsaich an uaislean le gort; is tha ’n ìslean air tiormachadh a suas le tart. 14 Air an aobhar sin mheudaich an uaigh a ciocras; agus sgaoil i mach a beul thar tomhas: agus a sios gabhaidh a h-uaislean, agus a h-ìslean; agus a sluagh dàmhaireach, agus na bheil innte ri h-aidhear. 15 Agus lùbar a sios an duine suarach, is bheirear a nuas an duine cumhachdach; agus ìslichear sùilean nan uaibhreach: 16 Is bidh Iehobhah Dia nan sluagh air ardachadh ann am breitheanas; agus bidh Dia, an Ti naomha, air a naomhachadh le foillseachadh a’ cheartais. 17 An sin ionaltraidh an treud gun bhacadh; is ithidh na minn a suas machraichean fàs nan daoine sòghmhor. 18 Is mairg dhoibh-san a ta sniomh a mach aingeachd mar bhall fada; agus peacaidh, mar shìntibh làidir carbaid: 19 A deir, Deanadh e cabhag ma ta, greasadh e obair, a chum gu faiceamaid i; agus dlùthaicheadh, is thigeadh gu crìch comhairle Ti naomha Israeil, a chum gu b’ eol duinn i. 20 Is mairg dhoibh-san a deir maith ri olc, agus olc ri maith; a ta cur dorchadais air son soluis, agus soluis air son dorchadais; a ta cur seirbh air son milis, agus milis air son seirbh. 21 Is mairg dhoibh-san a ta glic ’nan sùilibh fein, agus a ta ’nam beachd fein crionna. 22 Is mairg dhoibh-san a tha treun a dh’òl fiona, agus ’nan daoine cumhachdach a mheasgadh dibhe làidir: 23 A ta saoradh a’ chiontaich air son duaise, ’s a’ toirt air falbh ionracais an fhirein uaith. 24 Uime sin, mar a dh’imlicheas teangadh an teine suas an asbhuain, is mar a loisgeas an lasair am moll; mar sin bidh am freumh-san mar spuing, is theid am blàth a suas mar luaithre: chionn gu d’ rinn iad tàir air reachd Iehobhah Dhia nan sluagh; is gu do chuir iad gu fanoideach cùl ri focal Ti naomha Israeil. 25 Air an aobhar sin tha corruich Iehobhah air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e mach a làmh ’nan aghaidh: agus bhuail e iad; agus chriothnaich na sleibhtean; agus bha an cairbheanan mar aolach air mheadhon nan sràidean. Air son so uile cha ’n ’eil a chorruich air pilleadh air falbh; ach tha fathasd a làmh sìnte mach. 26 Agus cuiridh e suas bratach air son nan cinneach fad as; agus gairmidh e gach aon diubh o iomallaibh an domhain; agus feuch, le deifir gu luath thig iad. 27 Cha ’n’eil aon ’nam measg fann, is cha ’n fhaigh aon diubh tuisleadh; cha tuit clò air aon diubh no cadal: ni mò bhios crios an leasraidh air a sgaoileadh, no barr-iall am bròg air fhuasgladh. 28 Aig am bheil an saighdean geuraichte; ’s am boghachan uile lùbta: bidh brògan an each air am meas mar chruaidh-chloich; agus an rothan mar chuairt-ghaoith. [TD 12] ISAIAH. CAIB. VI. 29 Tha an ulartaich mar ulartaich leomhain bhoirinn; mar leomhanaibh òga ni iad nuallan: beucaidh iad, is glacaidh iad a’ chreach; is giulainidh iad air falbh i, ’s cha bhi aon neach ann d’a teasairginn. 30 Anns an là sin, beucaidh iad ’nan aghaidh, mar bheucaich na fairge; agus seallaidh iad so ri neamh a suas, agus a sios ris an talamh; agus feuch! dorchadas, teanntachd! agus tha ’n solus air a dhorchachadh le dall-cheo tiugh. CAIB. VI. ANNS a’ bhliadhnadh anns an d’ fhuair Usiah an rìgh bàs, chunnaic mi Iehobhah ’na shuidhe air cathair rioghail, ard agus togta suas; agus lion filltean fhalluinge an teampull. 2 Os a chionn sheas seraphim: aig gach aon diubh bha sea sgiathan: le dithis diubh chòmhdaich e aghaidh, le dithis diubh chòmhdaich e a chasan; agus dithis diubh ghnàthaich e ann an itealuich. 3 Agus ghlaodh iad mu’n seach, agus thubhairt iad: Is naomha, naomha, naomha, Iehobhah Dia nan sluagh! Tha ’n domhan gu h-iomlan air a lionadh le ghloir 4 Agus bha ursannan an doruis air an crathadh le fuaim an éighich; is bha ’n teampull air a lionadh le deataich. 5 Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! tha mi air mo bhualadh balbh: oir is duine mi aig am bheil bilidhean neo-ghlan; agus am measg sluaigh aig am bheil bilidhean neo-ghlan tha mi chomhnuidh: oir chunnaic mo shuilean an Righ, Iehobhah Dia nan sluagh. 6 Agus thainig aon do na seraphim ag itealuich chugam; agus ’na làimh bha eibhleag bheo, a thug e leis a’ chlodha bharr na h-altaire. 7 Agus bhean e ri m’ bheul, agus thubhairt e: Feuch! bhean so ri d’ bhilibh: tha d’ aingeachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh. 8 Agus chuala mi guth Iehobhah ag radh: Cò chuireas mi le fios; agus cò theid air ar son? Agus thuirt mise; Feuch, an so tha mise; cuir fios leamsa. 9 Agus thubhairt e: Falbh agus abair ris an t-sluagh so: Eisdibh gun amharus, ach na tuigibh; faicibh gun amharus, ach na tugaibh fanear; 10 Dean reamhar cridhe ’n t-sluaigh so; dean an cluasan trom, agus druid an sùilean; mu’m faic iad le ’n sùilibh, is mu ’n cluinn iad le ’n cluasaibh, is mu ’n tuig iad le ’n cridheachaibh, is gu biodh iad air an iompachadh, is gu deanainn-sa an leigheas. 11 Agus thubhairt mise, Cia fhad, O Iehobhah? Agus thubhairt esan: Gus an cuirear bailtean fàs, air chor as nach bi aon ’gan àiteachadh; agus tighean, air chor as nach bi aon duine ann; is gus am bi am fearann gu tur ’na fhàsaich. 12 Gus an atharruich Iehobhah duine am fad as; agus am bi iomad bean air a treigsinn ann am meadhon an fhearainn. 13 Agus ge do robh deachamh do fhuighleach ann, fuil- [TD 13] ISAIAH. CAIB. VII. ingidh eadhon so leir-sgrios ath-bhuailte: gidheadh, mar an cuilionn agus an darach, aig am bheil, ge do ghearrar a sios e, a bhonn a’ fantuinn, bidh siol naomha ’na bhonn do ’n chinneach so. CAIB. VII. ANN an làithibh Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, righ Iudah, thainig Retsin righ Shiria, agus Pecah, mac Remaliah, righ Israeil, a nios an aghaidh Ierusaleim, a chum a chuartachadh le seachd ach cha b’ urradh iad buadhachadh air. 2 Agus ’nuair a dh’ innseadh do thigh Dhaibhidh, gu robh Siria air a choghnadh le Ephraim; bha cridhe an righ, agus cridhe a shluaigh air an gluasad, mar a ghluaisear craobhan an doire fa chomhair na gaoithe. 3 Agus thuirt Iehobhah ri Isaiah: Falbh a mach a nis a choinneachadh Ahais; thu fein agus Seariasub do mhac; aig ceannamair-uisge na linne uachdraich, aig cruaidh-rathad faiche ’n fhùcadair. 4 Agus their thu ris; Thoir aire dhuit fein, is gabh fois; na biodh eagal ort, is na biodh do chridhe fann; air son dà earball nan àithinnean smùidreach so; air son garg-chorruich Retsin, agus mhic Remaliah: 5 A chionn gu do dhealbh Siria olc ann a d’ aghaidh; Ephraim mar an ceudna, ’s mac Remaliah, ag radh: 6 Rachamaid a suas an aghaidh Iudah, agus claoidheamaid e; agus gearramaid dheth earran air arson fein: agus cuireamaid righ gu riaghladh ’na mheadhon; eadhon mac Thabeail. 7 Mar so deir an Tighearna Iehobhah: Cha seas e, ni mò thig e gu crìch. 8 Ge d’ is e ceann Shiria Damascus, agus ceann Dhamascuis Retsin; gidheadh an taobh a stigh do chuig agus trì fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhristeadh, air chor as nach bi e ni ’s mò ’na chinneach: 9 Ge d’ is e ceann Ephraim Samaria, ’s ceann Shamaria mac Remaliah. Mur creid sibh annamsa, cha bhi sibh air ’ur daighneachadh. 10 Agus labhair Iehobhah fòs a rìs ri Ahas, ag radh: 11 Iarr dhuit fein comhara o Iehobhah do Dhia: Theirig domhain gu ruig an uaigh, no ard gu ruig na neamha. 12 Agus thuirt Ahas; Cha ’n iarr mise; ni mò bhuaireas mi Iehobhah. 13 Agus thuirt esan, Eisdibhse nis, O thigh Dhaibhidh: am beag leibhse sgìos a chur air daoine, an cuir sibh sgìos air mo Dhia-sa mar an ceudna? 14 Air an aobhar sin bheir Iehobhah e fein duibh comhara: Feuch, bidh an òigh torrach, agus beiridh i mac; is bheir i mar ainm air, Immanuel. 15 Im agus mil ithidh e, ’nuair is aithne dha an ni a ta olc a dhuiltadh, is an ni ta maith a roghnachadh. 16 Oir mu’n aithne do ’n leanabh so an t-olc a dhiultadh, agus am maith a roghnachadh; nithear ’na fhàsaich fearann an dà righ leis am bheil thu air do chlaoidh. [TD 14] ISAIAH. CAIB. VIII. 17 Ach bheir Iehobhah ortsa, ’s air do shluagh, agus air tigh t-athar, làithean, nach robh an leithidean ann, o ’n là anns an do dhealuich Ephraim ri Iudah. 18 Agus tarlaidh anns an là sin, gu gairm Iehobhah a’ chuileag a ta ’n cearnaidh iomallaich aibhnichean na h-Eiphit; agus an seillean a th’ ann am fearann Asiria: 19 Agus thig iad, agus luidhidh an t-iomlan diubh, air na gleannaibh fàsail, is air na creagaibh carraigneach, agus air gach uile bhad, is air gach uile shlochd. 20 Anns an là sin lomaidh Iehobhah leis an ealtainn thuarasdail, (leis an t-sluagh air taobh thall na h-Aibhne, le righ Asiria,) an ceann agus fionna nan casan; is bidh eadhon an fheusag fein air a milleadh. 21 Agus tarlaidh anns an là sin ma bhiadhas duine bò òg agus dà chaora; 22 O phailteas a’ bhainne bheir iad uatha, ithidh e im: eadhon im agus mil ithidh esan a dh’ fhàgar ann am meadhon an fhearainn. 23 Agus gach fion-lios anns am bheil mìle fineamhuin, air am meas air mhìle bonn airgid, fàsaidh anns an là sin ’nan dreasan agus nan droighneach. 24 Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad a mach an sin; oir fàsaidh am fearann uile ’na dhreasan agus ’na dhroighneach. 25 Agus na h-uile chnuic, a bh’ air an deasachadh leis a chaibe, far nach d’ thainig riamh eagal nan dreasan no nan droighionn, bithidh ’nan imeachd aig an damh, is ’nan aite-coiseachd aig na caoiribh. CAIB. VIII. AGUS thubhairt Iehobhah riumsa: Gabh chugad clàr mor, agus scriobh air le iarunn-gearraidh fir-oibre, Greas gus a’ chreach, grad-ghlac an cobhartach. 2 Agus ghabh mi chugam air son dearbhaidh fianuisean firinneach; Uriah an sagart, agus Sachariah mac Ieberechiah. 3 Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan fhaidhe; agus dh’ fhàs i torrach, agus rug i mac. Agus thuirt Iehobhah rium: Thoir mar ainm air, Greas gus a’ chreach, grad-ghlac an cobhartach: 4 Oir mu’n aithne do ’n leanabh a radh, M’athair agus Mo mhathair, bheirear stòras Dhamascuis air falbh, agus creach Shamaria, fa chomhair righ Asiria. 5 A rìs mar an ceudna labhair Iehobhah rium, ag radh: 6 A chionn gu do chuir an sluagh so cùl ri uisgeachan Shiloah, a ruitheas gu seimh; agus gu bheil iad a’ gabhail tlachd ann an Retsin, is ann am mac Remaliah: 7 Uime sin feuch bheir an Tighearna nios orra uisgeachan na h-Aibhne, an làidir agus an cumhachdach; eadhon righ Asiria, agus fheachd gu h-iomlan. Agus eiridh e os cionn an sruth-chlaisean uile, ’s theid e thar an uile bhruachaibh. 8 Agus siubhlaidh e feadh Iudah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh, eadhon gus am muineal ruigidh e: agus bidh [TD 15] ISAIAH. CAIB. IX. sgaoileadh a sgiath thar uile leud do thìre-sa, O Immanuel! 9 Biodh fhios so agaibh, O fhineachan, is bithibh air ’ur lionadh le h-uabhas; agus thugaibhse fanear e, uile mhuinntir nan dùchanna fad as: crioslaichibh sibh fein agus bithibh fo gheilt; crioslaichibh sibh fein agus bithibh fo gheilt. 10 Gabhaibh comhairle le cheile, ’s thig i gu neo-ni; labhraibh am focal, agus cha seas e: oir tha Dia leinne. 11 Oir mar so thuirt Iehobhah riumsa; ’nuair a rinn e (is e ga m’ ghlacadh air laimh) mo theagasg, a chum nach gluaisinn ann an slighe an t-shluaigh so, ag radh: 12 Na h-abraibh-se, Tha e naomha, ris gach ni mu ’n abair an sluagh so, Tha e naomha: ’s na biodh eagal oirbh do chùis an eagail-san, ni mò bhios geilt oirbh. 13 Iehobhah Dia nan sluagh, naomhaichibh esan; agus biodh esan duibh ’na chùis-eagail, is biodh esan duibh ’na aobhar geilt. 14 Agus bidh e dhuibhse ’na naomh-ionad: ach ’na chloich-thuislidh, agus ’na charraig oilbheim do dhà thigh Israeil; ’na cheap, agus ’na rib do luchd-àiteachaidh Ierusaleim. 15 Agus gheibh moran ’nam measg tuisleadh, agus tuitidh iad, agus bristear iad; agus ribear, agus glacar iad. 16 Ceanglaibh a suas an teisteas, glaisibh an àithne, measg mo dheisciobul-sa. 17 Feithidh mise uime sin ri Iehobhah, a ta folach a ghnùise o thigh Iacoib; gidheadh bithidh mo shùil ris. 18 Feuch, mise, agus a’ chlann a dheonuich dhomh an Tighearna; air son chomharan agus iongantasan ann an Israel, o Iehobhah Dia nan sluagh, aig am bheil a chomhnuidh ann an sliabh Shioin. 19 Agus ’nuair a their iad ruibhsa: Iarruibh gus na fiosaichean, is gus na druidhean; gus a’ mhuinntir a labhras nan com, agus a ni borbhan: Nach bu choir do shluagh iarruidh chum an Dia? am bu choir dhoibh, ann an àite a’ bheo, iarruidh chum nam marbh? 20 A chum na h-àithne, ’s a chum an teisteis, iarradh iad: mur labhair iadsan a reir an fhocail so, anns nach ’eil doilleireachd air bith; 21 Siubhlaidh gach aon diubh feadh an fhearainn ann an teinn is ann an gort: agus an uair a bhios acras air, agus corruich ris fein, malluichidh e a righ agus a Dhia. 22 Agus togaidh e shùilean a suas, agus seallaidh e sios a chum na talmhainn; agus feuch! teanntachd agus doilleireachd! ogluidheachd, àmhghar, agus tiugh-dhorchadas! CAIB. IX. ACH cha bhi ’na dheigh so dorchadas anns an fhearann a bha ’na theinn: anns an aimsir a chaidh seachad dh’ ìslich e fearann Shebuloin, agus fearann Naphtali; ach anns an aimsir dheireannaich rinn e glormhor e: eadhon slighe na fairge, taobh thall Iordain, Galile nan cinneach. 2 An sluagh a shiubhail ann an dorchadas, chunnaic iad solus mor; iadsan a bha cho- [TD 16] ISAIAH. CAIB. IX. mhnuidh ann am fearann sgàile bhàis, dhoibh dhealruich an solus. 3 Rinn thu ’n cinneach lionmhor, thug thu air an aoibhneas fàs; tha iad ri gairdeachas fa d’ chomhair, cosmhuil ri gairdeachas an fhogharaidh; cosmhuil ri gairdeachas na muinntir a ta roinn na creiche. 4 Oir cuing uallaich, am bata bha leagta air a ghualainn, slat an fhir a shàruich e, bhrist thusa, mar ann an là Mhidiain. 5 Oir lùireach-luirgnean a’ ghaisgeich armaichte sa’ chomhrag, agus an trusgan air a thumadh ann am moran fala, bithidh air son losgaidh, eadhon ’nan connadh air son an teine. 6 Oir dhuinne tha Leanabh air a bhreith; dhuinne tha mac air a thabhairt; agus bidh an uachdranachd air a ghualainn: agus theirear mar ainm ris Iongantach, Fear-comhairle, an Dia cumhachdach, Athair na linn shiorruith, Prionnsa na sìthe. 7 Air fàs uachdranachd agus a shìthe, cha bhi crioch am feasd; air cathair rioghail Dhaibhidh agus air a rioghachd; a chum a daighneachadh agus a socruchadh le breitheanas agus le ceartas, o so a mach agus gu siorruith: eud Iehobhah Dhia nan sluagh bheir so gu crìch. 8 ¶ Chuir Iehobhah focal an aghaidh Iacoib; agus thuit e air Israel. 9 A chionn gu bheil an sluagh uile ’gan giulan fein gu h-uaibhreach; Ephraim, agus fearàiteachaidh Shamaria; ann an uaill agus ainmein cridhe, ag radh: 10 Thuit na clacha-creadha, ach togaidh sinn le clachaibh snaighte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh a sios, ach cuiridh sinn ’nan àite le seudaraibh: 11 Uime sin dùisgibh Iehobhah cinn-fheadhna Retsin ’na aghaidh; agus togaidh e suas a naimhhdean le cheile: 12 Na Sirianaich o’n ear, agus na Philistich o’n iar; agus ithidh iad a suas Israel air gach taobh. Air son so uile cha’n ’eil a chorruich air a pilleadh air falbh; ach tha fathasd a làmh sìnte mach. 13 Gidheadh cha do phill an sluagh so risan a bhuail iad; agus Iehobhah Dia nan sluagh cha d’ iarr iad. 14 Uime sin gearraidh Iehobhah a mach o Israel an ceann agus an t-earball; an t-ùrach agus an crionach, ann an aon latha: 15 An t-aosda, ’s an duine urramach, is esan an ceann; agus am faidh a ta teagasg breige, is esan an t-earball. 16 Oir tha luchd-stiuraidh an t-sluaigh so ’gan toirt air seachran; is bidh iadsan a ta air an stiuradh leo air an slugadh asuas. 17 Air an aobhar sin cha dean Iehobhah aoibhneas os cionn an òganacha: ’s air an dilleachdanaibh agus air am bantraichibh cha dean e iochd air bith. Oir tha gach aon diubh ’na chealgair, agus ’na fhear do-bheairt; is tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Air son so uile cha’n ’eil a chorruich air a pilleadh air falbh; ach tha fathasd a làmh sìnte mach. 18 Oir loisgidh aingeachd [TD 17] ISAIAH. CAIB. X. mar theine; an dreas agus an droighionn caithidh i: agus cuiridh i lasair ri badaibh na srìdhe; agus eiridh iad an aird ’nam baidealaibh deathcha smùidrich. 19 Trìd corruich Iehobhah Dhia nan sluagh dhorchaicheadh am fearann; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha chaomhainn duine a bhrathair. 20 Ach bheir e teum air an làimh dheis, is gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, ’s gidheadh cha bhi e sàsuichte: ithidh gach duine suas feoil a choimhearsnaich. 21 Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bithidh iad le cheile ’n aghaidh Iudah. Air son so uile cha ’n ’eil a chorruich air a pilleadh air falbh; ach tha fathasd a lamh sìnte mach. CAIB. X. MO thruaighe iadsan a ta breithneachadh breitheanais eucoraich; na scriobhuichean a ta ’g orduchadh foirneirt: 2 A philleadh air falbh an fheumannaich o bhreitheanas; a thoirt an còrach le h-ain-neart o bhochdaibh mo shluaigh-sa: a chum gu bi na bantraichean ’nan cobhartach dhoibh, is gu creach iad na dilleachdain. 3 Agus ciod a ni sibh ann an là an smachdachaidh? agus anns an léir-sgrios a thig o im-chein? Cò gus an teich sibh air son coghnaidh? agus c’ àit an taisg sibh ’ur n-ionnas? 4 Gun mise bhi leo, strìochdaidh iad fo’n mhuinntir chuibhrichte, agus fo ’n mharbh tuitidh iad a sios. Air son so uile cha ’n ’eil a chorruich air a pilleadh air falbh; ach tha fathasd a làmh sìnte mach. 5 ¶ Ho! do ’n Asirianach, slat mo chorruich, an lorg aig am bheil ’na laimh acfuinn m’ fheirge! 6 An aghaidh cinnich chealgaich cuiridh mi e; agus an aghaidh sluaigh is cuspair do m’ chorruich bheir mi dha àithne: a chruinneachadh na creiche, ’s a thoirt air falbh a chobhartaich; agus d’ an saltairt fo chois mar chlàbar nan sràidean. 7 Ach cha ’n e so rùn a tha aige-san; is cha ’n e idir breithneachadh inntinn: ach rùn millidh tha ’na chridhe; agus cinnich a ghearradh as, aireamh nach gann. 8 Oir a deir e, Nach ’eil mo cheannardan uile ’nan righrean? 9 Nach ’eil Calno mar Charchemis? Nach ’eil Hamat mar Arphad? Nach ’eil Samaria mar Dhamascus? 10 Mar a ghlac mo làmh-sa rioghachdan nan iodholan, aig an robh dealbhan snaighte ni b’ fhearr na iad sin a ta ann an Ierusalem is ann an Samaria; 11 Mar a rinn mi ri Samaria, agus r’a h-iodholaibh, nach dean mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus r’a dealbhan? 12 Ach tarlaidh, ’nuair a choilionas Iehobhah obair gu h-iomlan, air sliabh Shioin agus air Ierusalem: gu smachdaich mise deanadas cridhe uaibhreich righ Asiria; agus sealladh buadhach a shùl ardanach. [TD 18] ISAIAH. CAIB. X. 13 Oir thubhairt e, Le neart mo làimhe fein rinn mi e; agus le m’ ghliocas fein; oir tha deagh-thuigs’ agam. Dh’ atharruich mi criochan nam fineach; agus chreach mi an ionnasa taisgte; agus thug mi nuas iadsan a bha nan suidhe ann an àite daingeann. 14 Agus fhuair mo làmh, amhuil nead, stòras nam fineachan; agus mar a chruinnicheas neach uighean a threigeadh, mar sin rinn mise làn-chruinneachadh air an talamh: agus cha robh aon air bith ann, a ghluais an sgiath, a dh’ fhosgail an gob, no rinn bìog. 15 Am maoidh an tuadh i fein an aghaidh an ti ta gearradh leatha? An ardaich an tuireasg e fein an aghaidh na ti ta ’ga ghluasad? mar gu togadh an t-slat an ti a ta ’ga h-iomairt; mar gu togadh an lorg a suas a sealbhadair. 16 Air an aobhar sin cuiridh Iehobhah Tighearna nan sluagh, air a mhuinntir reamhra-san caoile; agus fuidh oirdheirceas fadaidh e teine, mar dhian-losgadh. 17 Agus fàsaidh solus Israeil mar theine, ’s a Thi naomha mar lasair; agus loisgidh, agus caithidh e a dhroigheann agus a dhreas ann an aon latha. 18 Eadhon gloir a fhrìdhe, ’s a mhachaire torthaich, o ’n anam eadhon gus an fheoil, caithidh e; agus bithidh e mar fhear-giulain brataiche tra lagas a threoir. 19 Agus bidh fuigheall chraobhan a dhoire tearc, air chor as gu feud leanabh an àireamh a scriobhadh. 20 Agus tarlaidh anns an là sin, nach leig na mhaireas do Israeil, agus na theid as do thigh Iacoib, an taice ni ’s mò air-san a bhuail iad: ach leigidh iad an taice ri Iehobhah Ti naomha Israeil, ann am firinn. 21 Pillidh fuigheall, fuigheall do Iacob, gu Dia an cumhachdach. 22 Oir ge do bhios do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha phill ach a mhàin fuigheall diubh. An leir-sgrios a dh’ orduicheadh, ruithidh e thairis le teann cheartas. 23 Oir ordugh iomlan agus daingean coilionaidh Iehobhah Tighearna nan sluagh ann am meadhon an fhearainn. 24 Air an aobhar sin, mar so deir Iehobhah Tighearna nan sluagh: Na biodh eagal ort, O mo shluagh, a ta chomhnuidh ann an Sion, do thaobh an Asirianaich: le bhata gun amharus ni e do bhualadh, agus a shlat togaidh e suas ann a d’ aghaidh, air sheol na h-Eiphit. 25 Ach fathasd tiota ro-bheag, agus criochnaichidh mo chorruich-sa, agus m’ fhearg, ’nan leir-sgrios. 26 Agus togaidh Iehobhah Dia nan sluagh a suas ’na aghaidh inneal-sgiursaidh, cosmhuil ris a’ bhuilleadh air Midian aig carraig Oreib, agus cosmhuil ris an t-slait a thog e suas os cionn na fairge; seadh togaidh e suas i, do reir nòis na h-Eiphit. 27 Agus tarlaidh air an là sin, gu’n atharruichear uallach bharr do ghuaille, agus a chuing bharr do mhuineil: seadh bàsaichidh a’ chuing bharr ’ur guaillibh. [TD 19] ISAIAH. CAIB. XI. 28 ¶ Thainig e gu Aiat; shiubhail e gu Migron; aig Michmas taisgidh e airneis. 29 Chaidh iad thar a’ chunglach; ann an Geba cuiridh iad tharta ’n oidhche: tha geilt air Ramah; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh. 30 Eigh gu h-ard le d’ ghuth, O a nighean Ghallim; eisd rithe, O Lais; freagair i, O Anatoit. 31 Theich Madmena; tha luchd-àiteachaidh Ghebim air gabhail na ruaige. 32 Gidheadh an diugh ann an Nob fanuidh e: crathaidh e a làmh an aghaidh cnuic nighine Shioin; an aghaidh sleibhe Ierusaleim. 33 Feuch sgathaidh Iehobhah Tighearna nan sluagh, a’ gheug ùrar le bruanadh eagalach; agus bidh a’ chuid a’s airde fàs air an gearradh a sios, agus na h-uaibhreich air an ìsleachadh: 34 Agus gearraidh e tiugh-gheugan na frìdhe le iarunn; is tuitidh Lebanon le làimh chumhachdaich. CAIB. XI. ACH bristidh meangan a mach o bhonn Iese, agus geug as a fhreumhan fàsaidh torthach. 2 Agus gabhaidh spiorad Iehobhah comhnuidh air; spiorad gliocais agus tuigse; spiorad comhairle agus cumhachd; spiorad eolais agus eagail Iehobhah. 3 Agus bidh e geur-mhothachail ann an eagal Iehobhah: air chor as nach ann do reir seallaidh a shùl a bheir e breth; no do reir eisdeachd a chluas a bheir e achasan. 4 Ach le ceartas bheir e breth air a bhochd, agus le cothrom oibrichidh e geur-mhothachadh ann an daoine ciuine na talmhainn. Agus buailidh e ’n talamh le osaig a bheoil, is leanail a bhilidh marbhaidh e an droch-dhuine. 5 Agus bidh ionracas ’na chrios m’a leasraibh; agus firinn ’na cheangal m’a airnibh. 6 An sin gabhaidh am madadh-alluidh a chomhnuidh leis an uan; agus luidhidh an liopard a sios leis a’ mheann: agus thig an laogh, agus an leomhan òg, agus an spréidh reamhar an ceann a cheile; ’s ni leanabh òg an stiuradh. 7 Agus ionaltraidh a’ bhò agus am math-ghamhuin boirionn le cheile; le cheile luidhidh sios an àlach; agus ithidh an leomhan connlach cosmhuil ris an damh. 8 Agus cluichidh an leanabh cìche air toll na nathrach mharbhtaich; agus air nead na rì-nathrach cuiridh an leanabh a thainig o’n chìch a làmh. 9 Cha dochainn, is cha sgrios iad, anns an iomlan do m’ shliabh naomha-sa; oir bidh an talamh làn do eolas Iehobhah, mar na h-uisgeachan a ta comhdachadh doimhneachd na fairge. 10 Agus tarlaidh anns an là sin, freumh Iese, a ta ’na sheasamh mar bhrataich do na sloigh, da ionnsuidh-san gu cruinnich na cinnich, is bidh ionad a thàimh glormhor. 11 Agus tarlaidh anns an là sin, gu cuir Iehobhah a rìs an dara uair a mach a làmh a thoirt air ais fuigheall a shluaigh, na mhaireas diubh, o Asiria, ’s o’n Eiphit; agus o Phatros, agus o [TD 20] ISAIAH. CAIB. XII. XIII. Chus, agus o Elam; agus o Shinear, agus o Hamat, agus o innsibh na fairge. 12 Agus togaidh e ’n aird suaicheantas air son nan cinneach; agus tionailidh e diobaraich Israeil; agus muinntir sgapta Iudah cruinnichidh e le cheile o cheathair chearnaibh an domhain. 13 Agus sguiridh farmad Ephraim; agus naimhdeas Iudah cha bhi ann ni ’s mò: cha bhi farmad aig Ephraim ri Iudah; ’s aig Iudah cha bhi fuath do Ephraim. 14 Ach bheir iad ionnsuidh air criochaibh nam Philisteach an taobh an iar: le cheile creachaidh iad clann na h-aird’ an ear: air Edom agus air Moab leagaidh iad an lamh; is bheir clann Amoin geill doibh. 15 Agus buailidh Iehobhah le tart teanga na fairge Eiphitich; agus crathaidh e a lamh os cionn na h-Aibhne le ghaoith neartmhoir; agus buailear leis i gu seachd sruthaibh, is bheir e orra dol thairte le casaibh tiorma. 6 Agus bidh rathad-mor aig fuigheall a shluaigh a mhaireas, o Asiria: mar a bha aig Israel, anns an là san d’ thainig e nios o thìr na h-Eiphit. CAIB. XII. AGUS their thusa anns an là sin: Bheir mi buidheachas duit, O Iehobhah; oir ge do bha corruich agad rium, tha d’ fhearg air a pilleadh air falbh, agus dheonuich thu dhomh co-fhurtachd. 2 Feuch, is e Dia mo shlainte; earbaidh mi, ’s cha bhi eagal orm: oir is e mo neart agus m’ òran an Tighearna Iehobhah; agus rinneadh e dhomh ’na shlainte. 3 Agus ’nuair a thairngeas sibh uisge le h-aoibhneas a tobraichibh na slainte; 4 Anns an là sin their sibh: Thugaibh buidheachas do Iehobhah; gairmibh air ainm; foillsichibh am measg nan cinneach a ghniomhara cumhachdacha: cumaibh air chuimhne cia mor a ta ainm air ardachadh. 5 Canaibhse Iehobhah; oir rinn e gniomh ro-iongantach: tha so air fhoillseachadh anns an domhan uile. 6 Eigh gu h-ard, is tog iolach ait, O bhean-àiteachaidh Shioin; oir is mor ann ad mheadhon Ti naomha Israeil. CAIB. XIII. AN fhàisneachd mu thimchioll Bhabiloin, a dh’ fhoillsicheadh do Isaiah, mac Amois. 2 Air sliabh ard cuiribh a suas a’ bhratach; togaibh an guth; smèidibh leis an laimh; a chum gu rachadh iad a steach air geatacha nan urramach. 3 Thug mi àithne do m’ ghaisgeachaibh taghta; seadh ghairm mi mo dhaoine treuna a thoirt gu crìch mo chorruich; iadsan a ta luaghaireach ann am mhòrachd. 4 Fuaim mor-chuideachd anns na sleibhtibh, amhuil sluaigh mhoir; fuaim luasgaidh rioghachdan, chinneach air an cruinneachadh le cheile! Tha Iehobhah Dia nan sluagh, a’ cur an [TD 21] ISAIAH. CAIB. XIII. ordugh an fheachd air son a’ chatha. 5 Tha iad a’ teachd o thìr iomallaich, o chrìch nan neamha; Iehobhah agus acfuinn a chorruich, gus am fearann gu leir a mhilleadh. 6 Guilibhse gu h-ard, oir tha là Iehobhah dlù: mar leir-sgrios o’n Uile-chumhachdach thig e. 7 Air an aobhar sin lagaichear na h-uile làmhan: is leaghaidh gach aon chridhe duine; agus bithidh iad so uabhas: 8 Ni piantan agus ioghannan greim orra; mar mhnaoi ri saothair claoidhear iad: seallaidh iad aon air a cheile le h-iongantas; mar lasraichibh teine bithidh an eudana. 9 Feuch, tha là Iehobhah ag teachd, neo-mhaitheach; eadhon dian-chorruich agus fearg loisgeach: a dheanamh na tìre na’ làraich sgaoilte; agus a ciontaich sgriosaidh e mach uaipe. 10 Seadh reulta neimh, agus a cho-shoillse, cha chuir a mach an solus: tha ghrian air a dorchachadh aig a dol a mach, is cha toir a’ ghealach air a solus dealradh. 11 Agus thig mise dh’ amharc an t-saoghail air son a dhò-bheairt, agus nan aingidh air son an droch-bheairt: agus cuiridh mi crioch air ain-mein nan uaibhreach, is bheir mi nuas uaill nan uabhasach. 12 Ni mi duine ni ’s luachmhoire na òr grinn; seadh fear thar òr beartach Opheir. 13 Uime sin bheir mi air na neamha criothnachadh: agus crathar an talamh as àite ann an corruìch Iehobhah Dhia nan sluagh; is ann an là fheirge loisgich. 14 Agus bidh am fuigheall mar earbadh air a ruagadh; agus mar chaoirich, ’nuair nach ’eil neach ann a chruinnicheas iad le cheile; amhaircidh iad, gach aon r’a shluagh fein; agus teichidh iad, gach aon gu dhùthaich fein. 15 Gach aon a ghlacar, buailear trìd e: agus na h-uile ta cruinn le cheile tuitidh leis a’ chlaidheamh. 16 Agus pronnar an naoidheana fa chomhair an sùl; bidh an tighean air an creachadh, agus am mnathan air an éigneachadh. 17 Feuch, dùisgidh mise suas ’nan aghaidh na Medich; aig nach bi meas air airgiod; agus air son òir, cha bhi tlachd air bith aca dheth. 18 Bristidh am boghachan na h-oganaich ’nam bloighdibh; agus air toradh na bronn cha dean iad iochd air bith: cha ghabh an sùil truas eadhon do leanabaibh. 19 Agus fàsaidh Babilon, ise bha ’na maise do rioghachdan, gloir uaill nan Caldeach, mar leir-sgrios Shodoim is Ghomorrah le laimh Dhia. 20 Cha’n àitichear gu bràth i; ni mò ghabhar comhnuidh innte feadh linn nan linntean: cha suidhich an t-Arabach an sin a phailliunn: ni mò ni na buachaillean an sin am buaile. 21 Ach an sin gabhaidh fiadh-bheathaichean nam fàsach comhnuidh; agus lionaidh uabheistean ulartach an tighean: agus an sin gabhaidh nigheana na [TD 22] ISAIAH. CAIB. XIV. cailich-oidhche comhnuidh; agus an sin ni na fiadh-dhaoine mire. 22 Agus ni madaidh-alluidh ulartaich aon r’a cheile ’nan luchairtibh; is dragona ’nam pailliunaibh macnuis. Agus tha a h aimsir dlù do laimh; is cha bhi a laithean air an sìneadh. CAIB. XIV. OIR ni Iehobhah iochd air Iacob, is roghnaichidh e fathasd Israel. Agus bheir e dhoibh fois air am fearann fein: agus bidh an coigreach air a cheangal riu, agus dlù-leanaidh e ri tigh Iacoib. 2 Agus gabhaidh na cinnich iad, is bheir iad gu’n àite fein iad; agus sealbhaichidh tigh Israeil iad ann am fearann Iehobhah, mar oglaich, is mar bhan-oglaich: agus ni iad braighdean dhiubh-san aig an robh iad ’nam braighdean, agus riaghlaidh iad os cionn na muinntir a rinn an sàruchadh. 3 Agus tarlaidh anns an là sin, gu toir Iehobhah dhuit fois o d’ amhghar, agus o d’ dhocair, agus o’n daorsa chruaidh a leagadh ort: 4 Agus labhraidh tu an cosamhlachd so air righ Bhabiloin, agus their thu: Cionnus a sguir am fear-sàruchaidh! is’ a thug o chàch an t-òr, cionnus a sguir i! 5 Bhrist Iehobhah lorg an aingidh, slat-shuaicheantais an luchd-riaghlaidh. 6 Esan a bhuail na fineachan ’na chorruich, le buille neo-mhaitheach; esan a riaghlaich na cinnich ann an corruich, tha air a dhian-ruagadh, is cha’n ’eil aon a’ bacadh. 7 Tha ’n talamh uile socrach, tha e sàmhach; tha iad a’ bristeadh a mach le ait-iolaich: 8 Tha eadhon na croinn ghiumhais ri gairdeachas tharad, seudara Lebanoin: O’n uair a thuit thusa, cha d’thainig fear-gearraidh air bith a nios ’nar n-aghaidh. 9 Tha ’n t-ionad iochdrach air ghluasad shios air do shon, gu d’ choinneachadh aig do theachd: tha e dùsgadh air do shon nam marbh cumhachdach, uile chinn-fheadhna mhora na talmhainn; tha e toirt fanear gun eirich a suas o’n cathraichibh rioghail, uile righrean nan cinneach. 10 Cuiridh iad uile fàilt ort, is their iad riut: Am bheil thusa, eadhon thusa cuideachd, air fàs lag mar sinne? am bheil thu air do dheanamh cosmhuil ruinne? 11 Am bheil ma seadh t-uabhar air a thoirt a nuas gu ruig an uaigh; fuaim do cheol-bhearta binne? Am bheil a’ chnuimh fodhad mar leabaidh, agus na cnuimheagan tharad mar bhrat-còmhdachaidh? 12 Cionnus a ta thu air tuiteam o neamh, O a Reul dhealrach, a mhic na maidne! air do ghearradh a sios a chum an làir, thusa chuir fo smachd na cinnich! 13 Gidheadh thubhairt thu ann ad chridhe: Theid mi suas a chum nan neamha; os cionn reultan De ardaichidh mi mo rì-chathair; agus suidhidh mi air [TD 23] ISAIAH. CAIB. XIV. sliabh làthaireachd Dhe, air taobha na tuath: 14 Theid mi suas os cionn airde nan neul; bidh mi cosmhuil ris an Ti a’s airde. 15 Ach bheirear a nuas thu chum na h-uaighe, gu taobhan an t-sluichd. 16 Iadsan a chi thu, amhaircidh iad gu dil ort; beachdaichidh iad gu geur ort: An e so am fear a thug air an talamh criothnachadh; a chrath na rioghachdan? 17 A rinn an talamh mar fhàsaich; a mhill na bailtean? nach do leig riamh d’a bhraighdibh imeachd a chum an dachaidh? 18 Tha uile righrean nan cinneach, an t-iomlan diubh, a’ luidhe sios ann an ard-inbhe, gach aon ’na uaigh fein: 19 Ach tha thusa air do thilgeadh a mach as an uaigh, mar an crann fuathaichte; sgeadaichte leis na mairbh; leo-san a bhuaileadh trìd leis a’ chlaidheamh, leo-san a theid a sios gu clachan an t-sluichd; mar chonablach air a shaltairt fo chasaibh. 20 Cha bhi thu air do chur an co-chuideachd riu-san ann an adhlacadh; a chionn gu do sgrios thu do dhùthaich, gu do mharbh thu do dhaoine: cha bhi cliu maith gu brath air sliochd nan droch dhaoine. 21 Ulmhaichibh àr air son a chloinne, air son aingeachd an aithrichean; mu ’n eirich iad, agus mu ’n sealbhuich iad an talamh; is mu ’n lion iad aghaidh an domhain le bailtibh. 22 Oir eiridh mise ’nan aghaidh, deir Iehobhah Dia nan sluagh: agus gearraidh mi as o Bhabilon an t-ainm agus am fuighleach; agus am mac, agus mac a mhic, deir Iehobhah. 23 Agus ni mi e ’na sheilbh do ’n ghràineig, agus ’na phollaibh uisge; agus bheir mi urchair dha sios do shlochd clàbair leir-sgrios, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 24 Mhionnuich Iehobhah Dia nan sluagh, ag radh: Gu deimhin mar a dhealbh mise, mar sin tarlaidh; agus mar a chuir mi romham, seasuidh an ni daingean: 25 A chum an t-Asirianach a bhruthadh ann am fhearann, agus a shaltradh fo m’ chasaibh air mo shleibhtibh. An sin imichidh a chuing air falbh dhiubh-san; agus atharruichear uallach air falbh o’n gualainn. 26 So a’ chomhairle ta air a suidheachadh mu’n talamh uile; agus so an lamh a ta sìnte mach thar na h-uile chinnich: 27 Oir shuidhich Iehobhah Dia nan sluagh a’ chomhairle; ’s cò chuireas air cùl i? Agus is i a lamh-san a ta sìnte mach; agus cò philleas air a h-ais i? 28 ¶ Anns a’ bhliadhna san d’ fhuair Ahas an Righ bàs, thugadh an fhàisneachd so seachad. 29 Na dean-sa gairdeachas, O thìr nam Philisteach, le aon inntin; a chionn gu do bhristeadh an t-slat a bhuail thu: oir o fhreumh na nathrach thig a mach rì-nathair; agus mar thoradh air bidh nathair theinteach itealach. 30 Oir ithidh am bochd tagha mo cheud thoraidh-sa; agus [TD 24] ISAIAH. CAIB. XV. XVI. luidhidh an t-ainnis a sios ann an tearuinteachd: ach marbhaidh e do fhreumh-sa le tart; agus na mhaireas dhiot cuiridh e gu bàs. 31 Nuallaich, O gheata; éigh, O chaithir! O Philistia, tha thu gu leir bàithte ann an uabhas! oir o’n airde tuath thig duisneul; is cha bhi aon fhear faondrach ann am measg a bhuidhnichean. 32 Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gu do leag Iehobhah bunaite Shioin; agus innte gabhaidh bochdan a shluaigh fasgadh. CAIB. XV. AN fhaisneàchd mu thimchioll Mhoaib. A chionn anns an oidhche gu bheil Ar air a sgrios, Moab air a mhilleadh! A chionn anns an oidhche gu bheil Cir air a sgrios, Moab air a mhilleadh! 2 Tha e dol suas gu Bet-Dibon, gus na h-ionadan ard’ a ghul; os cionn Nebo, agus os cionn Mhedeba, ni Moab ulartaich: air gach ceann tha maoile; tha gach feusag air a gearradh. 3 Ann a sràidibh tha iad ’gan crioslachadh fein le eudach saic: air mullach a tighean, agus r’a h-ionadaibh sgaoilte, tha gach aon ulartaich, a’ dol a sios le gul. 4 Agus tha Hesbon is Elealeh ag éigheach gu h-ard; gu ruig Iahas chluinnear an guth: seadh tha eadhon leasraidh Mhoaib ag éigheach a mach; is deacair dha bhi beo. 5 Tha cridhe Mhoaib a’ glaodhach an taobh a stigh dheth; gu Soar [tha e glaodhach] mar gheumnaich aighe òig: seadh uchdaich Luhit le gul tha iad a’ dìreadh; seadh ann an slighe Horonaim tha iad a’ togail éighe mhillidh. 6 Oir bidh uisgeacha Nimrim ’nan leir-sgrios: oir tha ’n t-ionaltradh air seargadh; am maoth-lus air crionadh, am feur uaine cha ’n ’eil ann ni ’s mò. 7 Air an aobhar sin theid am beartas, a fhuair iad, ann am mugha; agus an ni sin a thaisg iad, gu gleann nan seileach bheirear air falbh e. 8 Oir tha ’n éigheach a’ cuartachadh crìche Mhoaib; gu Eglaim ruigidh a gearan; agus gu Beer-Elim a h-ard ghul. 9 Tha uisgeacha Dhimoin air an lionadh le fuil: gidheadh bheir mise tuille dunaigh air Dimon; air na chaidh as do Mhoab agus Ariel, agus air fuigheall Admah. CAIB. XVI. CUIRIDH mise mac uachdarain an fhearainn a mach, o Shelah na fàsaiche gu sliabh nighine Shioin. 2 Agus mar eunaibh seachranach air am fògradh o ’n nead; mar sin bidh nigheana Mhoaib aig àthaibh Arnoin. 3 Thoir seachad comhairle; thoir breth le cothrom; dean do sgàile mar an oidhche ann an airde mheadhoin-latha. Foluich na diobaraich; na brath am fògarach. 4 Leig le diobaraich Mhoaib fuireach air chuairt leat, [O Shioin;] bi ann ad fholach dhoibh o’n fhear-mhillidh. Oir [TD 25] ISAIAH. CAIB. XVII. cha ’n ’eil am fear-sàruchaidh ann ni ’s mò, sguir am fear-millidh; esan a shaltair fo chois sibh bhàsaich e as an fhearann. 5 Agus daighnichear an rì-chathair ann an tròcair, agus ann am firinn suidhidh neach oirre; ann am pailliunn Dhaibhidh ’na bhreitheamh; a’ mion-rannsachadh na còrach, agus a’ deifreachadh a’ cheartais. 6 Chuala sinn uabhar Mhoaib; tha e ro uaibhreach; ardan, agus uaill, agus fhearg: is diomhain a bhreugan. 7 Air an aobhar sin tuiridh Moab gu h-ard; air son uile shluaigh Mhoaib tuiridh e: air son muinntir Chir-hareis ni sibhse caoirean. 8 Oir chuireadh machraichean Hesboin gu nàire; dh’ fhàilnich fineamhuin Shibmah: chlaoidh a buinneagan uasal triatha treun nan cinneach; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad gus an fhàsach; shìn a geugan iad fein a mach, shiubhail iad thar an fhairge. 9 Air an aobhar sin guilidh mi, mar gu b’ ann le gul Iaseir, air son fineamhuin Shibmah; uisgichidh mi thu le m’ dheuraibh, O a Hesboin is Elealeh! Oir air do mheas samhraidh, agus air d’ fhion-fhoghara thuit am fear-millidh. 10 Agus tha aoibhneas agus gairdeachas air an toirt air falbh o ’n mhachair thorthaich; agus anns na fion-liosaibh cha seinn iad, cha tog iad iolach: anns na h-amaraibh cha bhrùth am fear-bruthaidh a mach am fion: tha crioch air a chur air an iolaich. 11 Uime sin ni mo chom fuaim mar chlàrsaich air son Mhoaib; agus mo thaobh a stigh air son Chirhareis. 12 Agus tarlaidh ’nuair a chì Moab, gu do sgìthich e e-fein a mach air an ionad ard, gu d’ theid e steach d’a ionad naomh, a dheanamh eadar-ghuidhe: ach cha soirbhich leis. 13 So am focal a labhair Iehobhah mu thimchioll Mhoaib o chionn fhada; 14 Ach a nis labhair Iehobhah, ag radh: An deigh thrì bliadhna, mar bhliadhnaibh firthuarasdail, nithear gloir Mhoaib suarach, ann a mhor-shluagh uile; agus bidh na mhaireas tearc, beag, agus anfhann. CAIB. XVII. AN fhàisneachd mu thimchioll Dhamascuis. Feuch thugadh Damascus air falbh, air chor as nach bi e ni ’s mò ’na bhaile: bidh e eadhon ’na thorr leir-sgrios. 2 Tha na bailtean air an treigsinn gu siorruith: bheirear iad thairis do na treudaibh, agus luidhidh iadsan a sios, is cha ’n fhuadaich aon neach air falbh iad. 3 Agus dealuichidh an daighneach làidir ri Ephraim, agus an rioghachd ri Damascus: agus bidh uabhar Shiria mar uaill cloinne Israeil: deir Iehobhah Dia nan sluagh. 4 Agus tarlaidh anns an là sin, gu lughdaichear gloir Iacoib, agus fàsaidh saill fheola caol. 5 Agus bithidh e, amhuil ’nuair a chruinnicheas aon fogharadh an arbhair, agus a bhuaineas a ghairdean na diasan: no amhuil ’nuair a dhìolumas [TD 26] ISAIAH. CAIB. XVIII. neach diasan ann an gleann Rephaim. 6 Fàgar ann dìolum, mar ann an crathadh a’ chroinn-ola; dà no trì do dhearcaibh air mullach a’ mheangain a’s airde; ceathair no cuig air na geugaibh sgaoilteach torthach: deir Iehobhah Dia Israeil. 7 Anns an là sin bheir duine fanear a Chruith-fhear, agus seallaidh a shùilean ri Ti naomha Israeil: 8 Agus cha seall e air na h-altairean a chuireadh a suas do obair a lamha fein; agus an ni sin a dhealbh a mheoir cha chuir e ’n suim; no na doireachan, agus na dealbhan grianach. 9 Anns an là sin bidh a bhailtean a bha air an daighneachadh gu làidir, cosmhuil ri diobradh nan Hibheach agus nan Amorach, an uair a dhiobair iad am fearann roimh ghnùis mhac Israeil; agus fàsaidh an tìr ’na làraich sgaoilte. 10 A chionn gu do dhi-chuimhnich thu Dia do shlainte, ’s nach robh thu cuimhneach air carraig do threise; air an aobhar sin an uair a chuireas tu craobhan taitneach, agus a shuidhicheas tu meanganan o dhùthaich imchein; 11 Anns an là, ’nuair a bheir thu air do chraobhan fàs; agus anns a’ mhadainn an uair a bheir thu air do mheangana bristeadh a mach; eadhon ann an là na seilbhe, bheirear am fogharadh air falbh, agus bidh doilghios ann gun dòchas. 12 ¶ Is an-aoibhinn do mhor-chuideachd nam fineacha lionmhor, a ta deanamh fuaime mar fhuaim nan cuantan: agus do bheucaich nan cinneach, a ta ri beucaich cosmhuil ri toirm uisgeacha làidir. 13 Cosmhuil ri toirm uisgeacha làidir tha na cinnich a’ beucaich; ach bheir Esan doibh achasan, agus teichidh iad fad air falbh: agus fuadaichear iad mar chanach an t-sleibhe roimh an ghaoith, agus mar chiob nan lus roimh an ioma-ghaoith. 14 Ri h-am an fheasgair, feuch uabhas! Mu’n d’ thig a’ mhadainn, is cha ’n ’eil e ann ni ’s mò! So cuibhrionn na muinntir a ta ’gar creachadh; agus crannchur na dream a ta ’gar spùinneadh. CAIB. XVIII. HO! do fhearann na ceol-bheairte sgiathaich, a ta laimh ri aibhnichean Chuis; 2 A ta cur theachdairean air an fhairge; agus ann an curachanaibh cuilce air aghaidh nan uisgeachan. Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach sìnte mach air fad, agus mìnichte; gu sluagh uabhasach o ’n toiseach, is gu ruige so; cinneach air a thomhas a mach leis an t-sreing, agus air a shaltairt a sios; aig am bheil fhearann air altrum leis na h-aibhnichibh. 3 Seadh, sibhs’ uile ta ’g àiteachadh an t-saoghail, is a ta gabhail comhnuidh air an talamh, an uair a thogar a’ bhratach a suas air na sleibhtibh, faicibh! is an uair a sheidear an trompaid, eisdibh! 4 Oir mar so thuirt Iehobhah rium-sa: Gabhaidh mi fois, is bidh mo shuil air m’ aite- [TD 27] ISAIAH. CAIB. XIX. comhnuidh suidhichte; mar an teas dealrach an deigh uisge, mar an neul dealtaidh ann an là an fhogharaidh. 5 Gu deimhin mu’n d’thig am fion-fhoghara, ’nuair a bhios am fàs abuich; agus am blàth air teachd gu bhi ’na fhion-dhearc làn; gearraidh e na meangain air falbh le corranaibh-sgathaidh; agus na geuga bheir e air falbh, gearraidh e sios. 6 Fàgar iad le cheile gu eun gionach nam beann; is gu beathaichibh fiadhaich na talmhainn: Agus samhraichidh an t-eun gionach air; is gheibh gach uile bheathach fiadhaich na talmhainn a lòn-geamhraidh air. 7 Anns an am sin bheirear tabhartas gu Iehobhah Dia nan sluagh, o chinneach sìnte mach air fad, agus mìnichte; ’s o chinneach uabhasach o ’n toiseach is gu ruige so; cinneach air a thomhas a mach leis an t-sreing, is air a shaltairt a sios, aig am bheil am fearann air altrum leis na h-aibhnichibh; gu ionad ainme Iehobhah Dhia nan sluagh, gu sliabh Shioin. CAIB. XIX. AN fhàisneachd mu thimchioll na h-Eiphit. Feuch tha Iehobhah a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd a chum na h-Eiphit! Agus bidh iodhola na h-Eiphit air an gluasad ’na fhianuis; agus cridhe na h-Eiphit leaghaidh ’na meadhon. 2 Agus dùisgidh mise suas Eiphitich an aghaidh Eiphiteach, agus cogaidh iad, gach aon an aghaidh a bhràthar, agus gach aon an aghaidh a choimhearsnaich: caithir an aghaidh caithreach, rioghachd an aghaidh rioghachd. 3 Agus lagaichidh spiorad na h-Eiphit ’na meadhon; agus sluigidh mise suas a comhairle: agus iarruidh iad a chum nan iodholan, agus a chum nan druidhean, agus a chum na muinntir a dh’ iarras eolas o na mairbh, agus na muinntir aig am bheil leannain-shìthe. 4 Agus bheir mise thairis an Eiphit ceangailte do lamhaibh thighearnan an-iochdmhor, agus riaghlaidh righ borb tharta: deir an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh 5 An sin failnichidh na h-uisgeachan o’n fhairge, ’s bidh an Abhann air a caitheamh agus air a tiormachadh a suas. 6 Agus fàsaidh na sruithean lobh; bidh sruth-chlaisean na h-Eiphit air am folmhachadh agus air an tiormachadh a suas. Seargaidh a ’chuilc agus an luachair. 7 Am magh ri taobh na sruth-chlaise, eadhon aig beul na sruth-chlaise, ’s gach ni ta air a chur ri taobh nan sruthana, seargaidh, crionaidh, agus cha bhi e ann ni ’s mò. 8 Agus ni na h-iasgairean bròn agus tuireadh; iadsan uile ta tilgeadh an dubhain anns an abhainn, is iadsan a ta sgaoileadh liontan air aghaidh nan uisgeacha, fàsaidh anfhann. 9 Agus maslaichear iadsan a ta ’g oibreachadh an lìn ghrinn, is iadsan a ta figheadh lion-oibre. 10 Agus bristear a suas tighean-tasgaidh na muinntir sin [TD 28] ISAIAH. CAIB. XIX. uile, ta deanamh buannachd do lochanaibh air son éisg. 11 Gu cinnteach is amadain ceannardan Shoain; ghabh comhairlich ghlice Pharaoih comhairle mhi-cheillidh. Cionnus a mhaoidheas sibh ri Pharaoh: Is mise mac nan daoine glice, mac nan righrean a bh’ ann o chian? 12 C’ àit am bheil iadsan; c’ àite do dhaoine glice? thigeadh iad, agus innseadh iad dhuit a nis, agus cuireadh iad an ceill, ciod i comhairle shuidhichte Iehobhah Dhia nan sluagh an aghaidh na h-Eiphit. 13 Dh’ fhàs ceannardan Shoain ’nan amadain, tha ceannardan Noph air am mealladh; thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon air ard-phruip a treubhan. 14 Mheasg Iehobhah ’nam meadhon spiorad eutromais; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran ’na h-uile oibribh, cosmhuil ri misgear air chrithchas ’na sgeith fein: 15 Ni mò bhios obair air bith anns an Eiphit, aig a’ cheann no aig an earball, aig an ùrach no aig a’ chrionach, ri dheanamh. 16 Anns an là sin bidh na h-Eiphitich mar mhnaibh: agus bidh crith agus geilt orra, ri crathadh làimhe Iehobhah Dhia nan sluagh, a chrathas e os an cionn. 17 Agus fàsaidh tìr Iudah ’na cùis-eagail do na h-Eiphitich: ma bheir duine sam bith luadh oirre riu, bidh geilt orra; airson comhairle Iehobhah Dhia nan sluagh, a shuidhich e ’nan aghaidh. 18 Ann an là sin bidh cuig bailtean ann an tìr na h-Eiphit, a’ labhairt cànain Chanaain, agus a’ mionnachadh do Iehobhah Dia nan sluagh: canar ri aon diubh Baile na greine. 19 Anns an là sin bidh altair do Iehobhah ann am meadhon fearainn na h-Eiphit: agus carragh aig a chrìch do Iehobhah: 20 Agus bithidh e mar chomhara, agus mar fhianuis, do Iehobhah Dia nan sluagh ann am fearann na h-Eiphit: a chionn, an uair a ghlaodh iad ri Iehobhah do thaobh an luchd-sàruchaidh, gu do chuir e d’ an ionnsuidh slànui-fhear, agus fear-saoruidh, agus thug e dhoibh fuasgladh. 21 Agus bidh Iehobhah aithnichte do ’n Eiphit, agus aithnichidh na h-Eiphitich Iehobhah anns an là sin; agus ni iad seirbheis da le h-iobairt is le tabhartas, agus bòidichidh iad bòid do Iehobhah, ’s ni iad fòs a dìoladh. 22 Agus buailidh Iehobhah an Eiphit, ’ga bualadh agus ’ga leigheas; agus pillidh iad ri Iehobhah, agus eisdidh esan ri ’n achuinge, agus ni e an leigheas. 23 Anns an là sin bidh rathad mor o’n Eiphit gu Asiria; agus thig an t-Asirianach do ’n Eiphit, is an t-Eiphiteach gu Asiria: agus ni an t-Eiphiteach aoradh maille ris an Asirianach. 24 Anns an là sin measar Israel an treas aon, maille ris an Eiphit is ri Asiria, ’na bheannachadh ann am meadhon na talmhainn: 25 A rinn Iehobhah Dia nan sluagh a bheannachadh, ag radh, Beannuichte gu robh mo shluagh, [TD 29] ISAIAH. CAIB. XX. XXI. an Eiphit; agus Asiria, obair mo làmh; agus Israel, m’ oighreachd. CAIB. XX. ANNS a’ bhliadhna san d’imich Tartan gu Asdod; gus an do chuireadh e le Sargon righ Asiria; (agus chog e ’n aghaidh Asdoid, agus ghlac se e:) 2 Anns an am sin labhair Iehobhah le Isaiah, mac Amois, ag radh: Falbh, fuasgail d’ eudach-saic o d’ leasraibh; agus cuir dhiot do bhrògan bharr do chas. Agus rinn e mar sin, a’ siubhal lomnochd agus cas-ruisgte. 3 Agus thubhairt Iehobhah: Amhuil a shiubhail m’ òglach Isaiah, lomnochd agus cas-ruisgte; ’na chomharadh agus ’na ioghnadh thrì bliadhna, air an Eiphit agus air Cus: 4 Mar sin bheir righ Asiria air falbh braighdean na h-Eiphit, agus fògaraichean Chuis, an t-òg agus an sean, lomnochd agus cas-ruisgte; le ’n taobha-cùil air an leigeadh ris, a chum nàire nan Eiphiteach. 5 Agus bidh muinntir [Asdoid] fo gheilt, is bidh nàir’ orra do Chus, anns an do chuir iad an earbsa, agus do ’n Eiphit, as an d’ rinn iad uaill. 6 Agus their fear-àiteachaidh na tìre so anns an là sin: Feuch, is amhuil so cuspair ar n-earbsa, gus an do theich sinn air son coghnaidh, a chum gu bitheamaid air ar saoradh o righ Asiria! Cionnus ma ta theid sinne as? CAIB. XXI. AN fhàisneachd mu thimchioll Fàsaiche na fairge. Mar na doinionna deas a’ ruith seachad gu dian, o ’n fhàsaich tha e teachd, o thìr nan uabhas. 2 Sealladh eagalach! tha e foillsichte dhomhsa: chreachadh am fear-creachaidh, agus mhilleadh am milltear! Imich asuas, O Elaim; cuairtich leis an fheachd, O Mhedia! chuir mise crioch air a h-uile dhragh. 3 Uime sin tha mo leasraidh air an lionadh le cràdh: rinn goith mo ghlacadh, amhuil goith mnà ri saothair. Tha mi ann an ioghannaibh, air chor as nach cluinn mi: tha mi ann an uabhas air chor as nach faic mi. 4 Chaidh mo chridhe as a cheal; chuir uabhasan fo fhiamh mi: an t-anmoch, air an robh mi ’n geall, thionndaidh e gu h-uamhunn. 5 Dheasaicheadh am bord, shuidhicheadh an fhaire; tha iad ag itheadh, tha iad ag òl: Eiribh, O cheanna-feadhna; ungaibh an sgiath. 6 Oir mar so thuirt Iehobhah riumsa: Falbh, suidhich fear-faire ’na àite; ciod air bith a chì e, innseadh e dhuit. 7 Agus chunnaic e carbad le dà mharcach, marcach air asail, marcach air càmhail. Agus dh’amhairc e gu ro dhil, le geur-fhurachras. 8 Agus esan a dh’amhairc a mach air an fhaire dh’eigh gu h-ard; O mo thighearna, ghleidh mise m’ àite feadh an là air fad; agus air mo fhreiceadan bhuanaich mi gach aon oidhche. 9 Agus feuch, an so tha fear a’ teachd, aon do’n dithis mharcach: agus tha e freagairt, agus ag radh, Thuit, thuit Babilon; is tha uile dhealbhan snaighte a dée air am bristeadh gu làr. [TD 30] ISAIAH. CAIB. XXII. 10 O mo bhualadh, agus arbhar m’urlair! Na chuala mise o Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, sin chuir mi ’n ceill duibhse. 11 ¶ An fhàisneachd mu thimchioll Dhumah. Tha guth ag éigheach riumsa o Sheir: Fhir na faire, ciod o’n oidhche? Fhir na faire, ciod o’n oidhche? 12 Tha ’m fear-faire ag freagairt: Tha mhadainn a’ teachd, agus fòs an oidhche. Ma dh’fhiosruicheas sibhse, fiosruichibh: thigibh a rìs. 13 ¶ An fhàisneachd mu thimchioll Arabia. Anns an doire, san anmoch, gabhaidh sibh tàmh, O chuideachda-siubhail Dhedain! 14 An codhail an tartmhoir, thugaibh a mach uisge, O a luchd-àiteachaidh na dùcha mu dheas; le aran thigibh an coinneamh an ànraich. 15 Oir o fhaobhar a’ chlaidheimh teichidh iad: o fhaobhar a’ chlaidheimh thairngte; agus o ghnùis a’ bhogha lùbta, ’s o ghnùis a’ chatha dhòbhidh. 16 Oir mar so thuirt an Tighearna riumsa: An taobh a stigh do bhliadhna fathasd, mar bhliadhnaibh fir-thuarasdail, bidh uile ghloir Chedair air a caitheamh. 17 Agus fuigheall àireimh nan saighdeara cumhachdacha, mhac Chedair, bithidh air an lughdachadh: oir Iehobhah Dia Israeil labhair e. CAIB. XXII. AN fhàisneachd mu thimchioll Glinn an taisbeanaidh. Ciod so thainig ort a nis, gu bheil do luchd-comhnuidh gu leir air dol a suas gu mullach nan tighean? 2 O thusa bha làn farum, a’d’ chaithir fhuaimneich, a’d’ chaithir aoibhinn! do mhuinntir mharbhta cha do mharbhadh leis a’ chlaidheimh, ni mò is ann sa chath a dh’eug iad. 3 Tha do chinn-fheadhna gu leir air siubhal le cheile; o’n bhogha tha iad air teicheadh; an t-iomlan a fhuaradh annad theich iad le cheile, dh’imich iad fad’ air falbh. 4 Air an aobhar sin thubhairt mi: Pill air falbh uam; guilidh mi gu goirt. Na feuch ri co-fhurtachd a thoirt dhomh air son leir-chreach nighine mo shluaigh. 5 Oir is là bristidh, agus saltraidh sios, agus buairidh e; là an Tighearna Iehobhah Dhia nan sluagh ann an gleann an taisbeanaidh: a’ bristeadh a sios a’ bhallaidh, agus a’ glaodhach ris an t-sliabh. 6 Agus tha Elam a’ giulan a’ bhuilg-shaighead; le carbadaibh tha ’n Sirianach a’ teachd, agus le h-eachaibh; agus tha Cir a’ leigeadh ris na sgéithe. 7 Agus bidh rogha do ghleann air an lionadh le carbadaibh; is cuiridh na marcaich iad fein ann an ordugh fa chomhair a’ gheataidh. 8 Agus bidh callaid Iudah air a sgaoileadh a sios: an sin seallaidh tu ri h-ealachainn tighe na frìdhe. 9 Agus bearnan baile Dhaibhidh, chi sibh gu bheil iad lionmhor; agus cruinnichidh sibh uisgeacha na linne iochdraich; [TD 31] ISAIAH. CAIB. XXII. 10 Agus tighean Ierusaleim àirmhidh sibh; agus bristidh sibh asios na tighean a neartachadh an daighnich: 11 Agus ni sibh lochan eadar an dà bhalladh, a ghabhail uisgeacha na seann linne. Ach cha ’n ’eil sibh ag amharc risan a dh’orduich so: agus esan a dhealbh o shean e, cha ’n ’eil sibh a’ toirt fanear. 12 Agus ghairm Iehobhah Tighearna nan sluagh, anns an là sin, gu caoidh agus gu tuireadh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le eudach saic: 13 Ach, feuch, aoibhneas agus aidhear, casgairt dhamh, agus marbhadh chaorach; itheadh feola, ’s ol fiona: Itheamaid, agus òlamaid; oir am màireach gheibh sinn bàs. 14 Agus dh’fhoillsicheadh guth Iehobhah Dhia nan sluagh do m’ chluasaibh-se: Gu deimhin i so bhur n-aingeachd cha ghlanar air falbh, gus am faigh sibh bàs: deir an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh. 15 ¶ Mar so deir an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh: Imich, thoir ort gus am fear-taisg so, gu Sebna, a ta os cionn an tighe; agus abair ris: 16 Ciod a ta agad-sa ’n so? agus cò ta agad-sa ’n so? gu do chladhaich thu mach an so uaigh air do shon fein? O thusa ta cladhachadh a mach d’uaighe gu h-ard, a ta gearradh àite-comhnuidh dhuit fein anns a’ charraig! 17 Feuch, tilgidh Iehobhah mach thu, ’ga d’ thilgeadh a mach le garbh-urchair, is ni e gu cinnteach do chòmhdachadh. 18 Cuibhlidh e mu’n cuairt is mu’n cuairt thu, agus bheir e urchair air falbh dhuit, mar spitheig [a crann-tabhuill,] gu tìr fharsaing: ann an sin gheibh thu bàs; agus ann an sin bidh do charbada sgiamhach ’nan nàire do thigh do thighearna. 19 Agus iomainidh mi as d’àite thu, agus o d’inbhe tilgidh mi sios thu. 20 Agus anns an là sin gairmidh mise m’òglach, eadhon Eliacim mac Hilciah. 21 Agus sgeadaichidh mi e le d’ fhalluing-sa, agus le d’ chrios-sa neartuichidh mi e: agus d’ uachdranachd bheir mi thairis gus a laimh; agus bidh e ’na athair do luchd-aiteachaidh Ierusaleim, agus do thigh Iudah. 22 Agus cuiridh ni iuchair Dhaibhidh air a ghualainn; agus fosglaidh e, ’s cha druid aon neach; agus druididh e, ’s cha’n fhosgail aon neach. 23 Agus daighnichidh mise e mar tharuinn ann an àite cinnteach; agus bidh e mar aite-suidhe glormhor air son tighe athar. 24 Agus crochaidh iad air uile ghloir tighe athar, an sliochd mor agus beag-inbheach, gach aon soitheach beag; o na h-uile seors’ aghainn, gus na h-uile seorsa soithich is suaraiche. 25 Anns an là sin, deir Iehobhah Dia nan sluagh, bidh [Sebna] an tarunn a bha air a suidheachadh ann an àite daingean air a gluasad; agus gearrar a sios i, agus tuitidh i; agus an t-uallach a bha oirre gearrar air falbh: oir Iehobhah labhair e. [TD 32] ISAIAH. CAIB. XXIII. CAIB. XXIII. AN fhàisneachd mu thimchioll Thiruis. Ulartaichibh, O a longan Tharsis! oir sgriosadh i gu tur, araon a stigh agus a muigh: o fhearann Chitim thugadh d’an ionnsuidh an sgeula. 2 Bithibh tosdach, O sibhse ta ’g àiteachadh sliosan na fairge: luchd-malairt Shidoin, iadsan a ta siubhal thar fairge, dhomhlaich thu. 3 Agus siol Niluis, a’ fàs o uisgeachaibh pailte; foghara na na h-Aibhne, b’e sin a fàs: agus bha i ’na margadh aig na cinnich. 4 Biodh nàir’ ort-sa, O Shidoin; oir labhair an fhairge, eadhon daighneach làidir na fairge, ag radh: Tha mise mar nach bithinn ann an saothair, mar nach beirinn clann; mar nach àraichinn òganaich, is mar nach togainn òighean a suas. 5 An uair a ruigeas an naidheachd an Eiphit, glacar iad le doilghios goirt mu sgeula Thiruis. 6 Siubhlaibh thairis gu Tarsis; ard-ghuilibh, O a luchd-àiteachaidh sliosan na fairge! 7 An i so bhur caithir bhuadhach; aig am bheil a h-aois o aimsir chéin? Tha a casan fein ’ga giulan fad’ air falbh gu fantuinn air chuairt. 8 Cò dhealbh so an aghaidh Thiruis, a thug seachad corona rioghail; aig an robh prionnsachan ’nan ceannuichean; aig an robh uaislean an fhearainn ’nan luchd-malairt. 9 Iehobhah Dia nan sluagh dh’orduich e; a thruailleadh uabhair gach uile mhaise; a dheanamh uaislean na talmhainn gu leir suarach. 10 Ruith thar d’ fhearann mar abhainn, O a nighean Tharsis; an torr [a chum a stigh do thuil] cha ’n ’eil ann ni ’s mò. 11 Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rioghachdan: chuir Iehobhah mach àithne mu thimchioll Chanaain, gu sgriosadh iad a h-ionada làidir. 12 Agus thubhairt e: Cha bhuadhaich thu ni ’s mò, O òigh thruailte, a nighean Shidoin? Gu Citim eirich, siubhail thairis; eadhon an sin cha’n fhaigh thu suaimhneas. 13 Feuch tìr nan Caldeanach; bha ’n sluagh so gun mhiadh air bith: (shuidhich an t-Asirianach i air son luchd-àiteachaidh na fàsaiche; thog iadsan a dùna-freiceadain, chuir iad a suas a lùchairtean;) rinn an sluagh so ’na làraich fhaoin i. 14 Guilibh gu h-ard, O a longa Tharsis; oir mhilleadh ’ur daighneach làidir. 15 Agus tarlaidh anns an là sin, gu leigear air dearmad Tirus deich agus trì fichead bliadhna, do reir laithean aon righ: an ceann deich agus trì fichead bliadhna, seinnidh Tiruis, mar a ni an striopach seinn. 16 Glac do chlàrsach, cuairtich am baile, O a striopach a bha cian air do dhearmad; buail a’ chlàrsach gu seolta; seinn moran òran; a chum gu cuimhnichear a rìs thu. 17 Agus an ceann deich agus trì fichead bliadhna, thig Iehobhah a dh’amharc Thiruis: [TD 33] ISAIAH. CAIB. XXIV. agus pillidh i chum a cleachduinn tharbhaich; agus ni i striopachas le uile rioghachdaibh an domhain, a ta air aghaidh na talmhainn. 18 Ach bidh a malairt, agus a buannachd naomha do Iehobhah: cha taisgear a suas e, ni mò ghleidhear ann an tigh-taisg e; oir bidh a malairt air son na muinntir a ta chomhnuidh ann am fianuis Iehobhah, air son lòin a shàsuicheas, agus eudaich a mhaireas. CAIB. XXIV. FEUCH, tha Iehobhah a’ deanamh an fhearainn falamh agus ’ga chur fàs; tha e eadhon ’ga thionndadh bun os cionn, agus a’ sgapadh a luchd-àiteachaidh. 2 Agus tarlaidh, amhuil a theid do ’n t-sluagh, gu d’ theid do ’n t-sagart; amhuil a theid do ’n òglach, gu d’theid d’a mhaighstir; amhuil a theid do ’n bhan-oglaich gu d’ theid d’a ban-mhaighstir; amhuil a theid do ’n cheannuiche, gu d’ theid do ’n fhear-reic; amhuil a theid do ’n fhear a ghabhas, gu d’ theid do’n fhear a bheir seachad; amhuil a theid do ’n fhear a ghabhas air ocar, gu d’ theid do ’n fhear a bheir air ocar uaith. 3 Nithear an tìr gu h-iomlan falamh, agus creachar gu tur i; oir Iehobhah labhair am focal so. 4 Ghuil, shearg an tìr; lagaich, shearg an saoghal; thainig fàilinn air maithibh sluaigh na tìre. 5 Tha an tìr eadhon air a truailleadh fuidh a luchd-àiteachaidh; oir bhrist iad an reachd, dh’atharruich iad an t-ordugh; bhrist iad an co-cheangal siorruith. 6 Air an aobhar sin dh’ith mallachd a suas an tìr, a chionn gu bheil iadsan ciontach a ta ’ga h-àiteachadh. Uime sin tha luchd-àiteachaidh na tìre air an sgrios; agus is tearc na truaghain a dh’ fhàgadh innte. 7 Tha am fion nuadh ri caoidh; tha an fhineamhuin lag; tha iadsan uile ’g osnaich aig an robh cridhe aoibhinn. 8 Tha fuaim bhinn an tiompain air sgur; farum a’ ghairdeachais cha ’n ’eil ann ni ’s mò; sguir fonn ait na clàrsaiche: 9 Le h-òranaibh cha ’n òl iad fion ni ’s mò; bidh am fion pailme searbh do ’n mhuinntir a dh’òlas e. 10 Tha a’ chaithir air a bristeadh a sios; tha i faondrach: tha gach tigh air a dhruideadh a suas, air chor as nach faigh aon a steach. 11 Tha gaoir anns na sràidibh air son fiona; shiubhail gach aighear seachad; dh’fhalbh gairdeachas an fhearainn gu buileach. 12 Dh’fhàgadh leir-chreach anns a’ bhaile, ’s le luasgadh mor bhirsteadh a sios an geata. 13 Seadh mar so thig gu crìch ann am fior-bhuilsgean na tìre, ann am meadhon an t-sluaigh; mar chrathadh a’ chroinn-ola, ’s mar an dìolum an uair a chriochnaichear am fion-fhoghara. 14 Ach togaidh iadsan [a theid as] a suas an guth; seinnidh iad; co-fhreagraidh na h-uisgeachan do mholadh ard Iehobhah. [TD 34] ISAIAH. CAIB. XXV. 15 Uime sin anns na criochaibh iomallach, thugaibhse gloir do Iehobhah; ann an criochaibh iomallach na fairge, do ainm Iehobhah, Dhia Israeil. 16 O chrìch iomallaich na talmhainn, chuala sinn òrain, Gloir do ’n fhirean! Ach thuirt mise, Och, mo dhunaigh, mo dhunaigh! Is deacair dhomhsa! tha an luchd-creachaidh a’ creachadh; seadh tha an luchd-creachaidh a’ dol fathasd air an aghaidh le ’n creachadh an-iochdmhor. 17 Tha ’n t-uabhas, an slochd, agus an rib ort, O fhir-àiteachaidh na tìre: 18 Agus tarlaidh, cò air bith a theicheas o’n uabhas, gu tuit e san t-slochd; agus cò air bith a theid as o’n t-slochd, gu glacar anns an rib e: oir tha na tuil-dhorsan os ’n aird air am fosgladh; agus tha bunaite na talmhainn air an luasgadh. 9 Tha an tìr gu truagh air a crathadh; tha an tìr gu tur air a bristeadh ’na bloighdibh; tha’n talamh gu garbh air a luasgadh as àite; 20 Tha an talamh a’ ruith chuige ’s uaithe mar mhisgear; is air a ghluasad an taobh so, ’s an taobh sin, cosmhuil ri bothan-fasgaidh car oidhche; oir tha aingeachd ag luidhe gu trom air; agus tuitidh e, ’s cha ’n eirich e ni ’s mò. 21 Agus tarlaidh anns an là sin, gu gairm Iehobhah anns na h-ardaibh am feachd a ta gu h-ard; agus air thalamh righrean na talmhainn: 22 Agus cruinnichear iad le cheile mar ann am prasgan, air son an t-sluichd; agus druidear iad gu teann anns a’ phriosun: agus an deigh mhoran làithean gabhar suim dhiubh. 23 Agus bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir Iehobhah Dia nan sluagh rioghaichidh air sliabh Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianuis a sheanoirean bithidh e air a ghlòrachadh. CAIB. XXV. O IEHOBHAH, is tusa mo Dhia-sa: ardaichidh mi thu; bheir mi cliu do d’ ainm: oir thug thu nithe iongantach gu crìch, comhairlean na h-aimsir o shean, geallaidhean fior neo-chaochlaidheach. 2 Oir rinn thu a’ chaithir ’na torr; an daighneach ro-làidir ’na làraich sgaoilte: àros nan uaibhreach, air chor nach bi e ni ’s mò ’na bhaile; air chor nach togar e gu siorruith tuille. 3 Air an aobhar sin bheir an sluagh borb dhuit gloir; air caithir nan cinneach uabhasach bidh eagal romhad; 4 Oir bha thu a’d’ chul-taic do’n bhochd; a’d’ dhion do ’n fheumannach ’na theanntachd: a’d’ dhidein o’n doininn, a’d’ sgàile o’n teas; an trà shéideas gaoth nan uabhasach gu cruaidh mar dhoininn a’ gheamhraidh. 5 Mar an teas ann am fearann seargta, bheir thusa nuas farum nan uaibhreach: mar an teas le neul tiugh ìslichear uaill nan uabhasach. 6 Agus ni Iehobhah Dia nan sluagh, air son nan uile chinneach, anns an t-sliabh so, cuirm do nithibh blasda, cuirm do fhionaibh aosda: do nithibh blas- [TD 35] ISAIAH. CAIB. XXVI. da ro-bheartach, do fhionaibh aosda air an deagh tharruing: 7 Agus air an t-sliabh so sgriosaidh e, am brat, a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh; agus an sgàile bha air a sgaoileadh thar na h-uile chinnich. 8 Sgriosaidh e gu tur am bàs gu siorruith; agus siabaidh an Tighearna Iehobhah air falbh an deur bharr na h-uile aghaidh; agus masladh a shluaigh bheir e air falbh bharr na talmhainn uile: oir Iehobhah labhair e. 9 Anns an là sin their iad: Feuch, is e so ar Dia-ne; dh’earb sinn as, agus thearuinn e sinn: is e so Iehobhah; chuir sinn ann ar muinighin; ni sinn gairdeachas agus uaill ’na shlàinte. 10 Oir bheir làmh Iehobhah fois air an t-sliabh so; agus bidh Moab air a bhualadh ’na àite, mar a bhuailear a’ chonnlach fo rothaibh a’ charbaid. 11 Agus sìnidh e mach a làmh ’na mheadhon, amhuil a shìneas esan a bhios a’ dol fuidhe a làmhan a mach gu snàmh: Ach bheir Dia nuas uabhar le greim obann a làmh. 12 Agus daighneach do bhallachan arda leagaidh e gu h-iosal; bheir e nuas iad chum an làir; bheir e àite dhoibh san duslach. CAIB. XXVI. ANNS an là sin seinnear an dàn so: Ann an tìr Iudah tha againne caithir làidir; slàinte suidhhichidh Esan mar bhallachan agus mar dhìdein. 2 Fosglaibhse na geatachan, is rachadh an cinneach firinneach a steach; a shior-choimheadas an fhirinn, a ta ’nan inntinn seasmhach. 3 Gleidhidh tusa iad sin ann an sìth bhith-bhuain, a chionn gu do chuir iad annad an dòchas. 4 Deanaibhse bun a Iehobhah gu bràth; oir ann an Iehobhah tha dìdein shiorruith. 5 Oir dh’ìslich e mhuinntir a bha chomhnuidh gu h-ard; a’ chaithir ard, thug e nuas i: thug e nuas i chum an làir: dh’fhàg e i co-iosal ris an duslach. 6 Saltraidh a’ chas oirre; casan an fheumannaich, ceuma nam bochdan. 7 Tha slighe an fhirein gu h-iomlan dìreach; ni thusa ceum an fhirein fior-chothromach. 8 Eadhon ann an slighe do reachdan-sa, O Iehobhah, chuir sinne ar dochas ann a d’ ainm; is ann an cuimhneachadh ort-sa tha miann ar n-anama. 9 Le m’ anam mhiannaich mise thu anns an oidhche; seadh, le m’ spiorad an taobh a stigh dh’iarr mi thu sa mhadainn. Oir an uair a tha do bhreitheanais air an talamh, foghlumaidh luchd-aiteachaidh an t-saoghail fireantachd. 10 Ge d’ fheuchar tròcair do’n aingidh, gidheadh cha ’n ionnsuich esan fireantachd. Ann an tìr na fireantachd fein buinidh e gu fealltach; is cha toir e fanear mòralachd Iehobhah. 11 Iehobhah, tha do làmh-sa togta suas, gidheadh cha’n fhaic iad: ach chi iad, le amhluadh, d’ eud air son do shluaigh; seadh, loisgidh an teine suas do naimhdean-sa. 12 Iehobhah, orduichidh tu sìth dhuinne: oir eadhon ar [TD 36] ISAIAH. CAIB. XXVII. n-uile bhearta cumhachdacha dh’oibrich thusa air ar son. 13 O Iehobhah, ar Dia-ne! aig tighearnan eile, ’n taobh a mach dhiot-sa, bha uachdranachd os ar cionn: ach thusa mhàin, agus d’ainm, o so suas molaidh sinn. 14 Tha iad marbh, cha d’ thig iad beo; is ain-tighearnan marbh iad, cha’n eirich iad. Uime sin dh’fhiosraich thus’ iad, agus mhill thu iad; is ghlan thu as an cuimhne gu buileach. 15 Chuir thu ris a’ chinneach, O Iehobhah; chuir thu ris a’ chinneach; tha thu air do ghlorachadh: sgaoil thu cian a mach uile chriochan an fhearainn. 16 O Iehobhah, ann an amhghar dh’ iarr sinne thu; dhòirt sinn a mach ar n-urnaigh iriosal an uair a bha do smachdachadh oirn. 17 Mar a bhios bean thorrach, an tra bhios am a h-asaide dlù, ann an teanntachd, ag éigheach gu h-ard, ’na saothair; mar so bha sinne ann a d’fhianuis-sa, O Iehobhah. 18 Dh’fhàs sinn torrach; bha sinn ann an teanntachd, rug sinn mar gu b’ eadh gaoth: cha ’n’eil slàint’ air a h-oibreachadh anns an fhearann; ni mò tha luchd-àiteachaidh an t-saoghail air tuiteam. 19 Do mhairbh-sa thig beo; mo mhairbh-sa, eiridh iad: Dùisgibh agus seinnibh, sibhse ta chomhnuidh anns an duslach! Oir tha do dhrùchd-sa mar dhrùchd na sgarthannaich: ach tilgidh an talamh a mach, mar fhàs anabuich, na h-ain-tighearnan marbha. 20 Thig, O mo shluagh; imich-sa steach gu d’ionadan uaigneach; agus druid do dhorus a’d’ dheigh: foluich thu fein car tamuill bhig, car tiota; gus an siubhail a’ chorruich seachad. 21 Oir feuch, tha Iehobhah teachd a mach as àite; a smachdachadh air son aingeachd an tì ta chomhnuidh air an talamh: agus leigidh an talamh ris an fhuil a ta air; is cha chòmhdaich e ni ’s mò a mhairbh. CAIB. XXVII. ANNS an là sin smachdaichidh Iehobhah le a chlaidheamh; a chlaidheamh cruaidh agus mòr, agus làidir; Lebhiatan an nathair rag; agus Lebhiatan an nathair lùbach; agus marbhaidh e an uabheist, ise ta san fhairge. 2 ¶ Anns an là sin do’n Fhion-lios ionmhuinn, seinnibh-se òran co-luaidh. 3 [I.] Is mise Iehobhah, ata ’ga choimhead: ni mi uisgeachadh gach aon tiota; gabhaidh mi cùram dheth anns an oidhche; agus anns an là gleidhidh mi uime faire. 4 [F.] Cha ’n’eil balla sam bith agam air son mo dhion: O nach robh agam callaid do’n droighinm agus do’n dris! [I.] ’Nan aghaidh nan rachainn-sa sios anns a’ chath, loisginn iad a suas le cheile. 7 Ah! gu ma fearr leis greim a dheanamh air mo dhìdein-sa. [F.] Deanadh e sìth rium! Sìth deanadh e riumsa! 8 [I.] Iadsan a thig o fhreumh Iacoib fàsaidh gu dosrach; bristidh blàth a mach air Israeil; [TD 37] ISAIAH. CAIB. XXVIII. agus lionaidh iad aghaidh an t-saoghail le toradh. 7 ¶ An d’ rinn e bhualadh, amhuil a bhuaileas e mhuinntir sin, a bhuail esan? agus cosmhuil ri àr na muinntir sin, a rinn a mharbhadh, am bheil e marbhta? 8 Ann an tomhas ceart, an uair a bhuaileas tu am buille, ni thu tagradh ris. Coisgidh tu an doinionn gharbh ann an là na gaoithe ’n ear. 9 Uime sin air an dòigh so bidh aingeachd Iacoib air a glanadh air falbh; agus mar so gheibh e uile bhuannachd atharrachaidh a lochd; ma ni e uile chlachan na h-altarach, mar na clachan-aoil a ta sgapta mu’n cuairt; agus mur eirich na doireachan agus na dealbhan ni’s mò. 10 Ach bidh a’ chaithir a ta air a daighneachadh gu làidir ’na làraich luim; ’na fardaich fhaondraich, agus air a treigsinn mar fhàsaich. An sin ionaltraidh an tarbh, agus an sin luidhidh e sios; agus cnuasaichidh e a buinneaga maotha. 11 ’Nuair a sheargas a meangana; bristear iad: thig mnathan, is cuiridh iad ’nan lasair iad. Gu deimhin is sluagh gun tuigs’ air bith iad; uime sin cha ghabh an ti a rinn iad truas diubh; agus esan a dhealbh iad, cha nochd caoimhneas air bith dhoibh. 12 Agus tarlaidh anns an là sin gu dean Iehobhah tional air a mheas, o thuil na h-Aibhne gu sruth na h-Eiphit; agus dioluimear sibhse suas, aon an deigh aon, o sibhs’ a mhaca Israeil. 13 Agus tarlaidh anns an là sin gu séidear a’ ghall-tromp mhor; agus thig iadsan, a bha bàsachadh ann am fearann Asiria; ’s a bha air an sgapadh ann an tìr na h-Eiphit: agus sleuchdaidh iad a sios ann am fianuis Iehobhah, anns an t-sliabh naomha, ann an Ierusalem. CAIB. XXVIII. IS an-aoibhinn do chrùn uaibhreach mhisgearan Ephraim, agus do bhlàth seargach am maise glormhoir! do ’n mhuinntir a ta air ceann a’ ghlinn bheartaich, a chaill am mothachadh le fion! 2 Feuch an ti cumhachdach, an ti ro-làidir! mar stoirm mheallain, mar dhoininn mhilltich; mar thuil bhras uisgeacha mora a’ ruith le leathad: bristidh e ’nam bloighdibh iad ris an talamh le a làimh. 3 Bidh iad air an saltairt fo chois, corona uaibhreach mhisgearan Ephraim. 4 Agus blàth seargach am maise glormhoir, a ta air ceann a’ ghlinn bheartaich, bithidh mar am meas luath mun d’ thig an samhradh; a bhios air a spionadh gu grad le neach air bith a chi e; agus cha luaithe bhios e ’na làimh na shluigeas e suas e. 5 ¶ Anns an là sin bidh Iehobhah Dia nan sluagh ’na chrùn maiseach, is ’na choron glormhor do iarmad a shluaigh: 6 Agus ’na spiorad breitheanais dhoibhsan a shuidheas ann am breitheanas; agus ’na neart dhoibhsan a philleas air ais an cogadh gu dorus [an nàmhaid.] 7 Ach chaidh eadhon iad so air seachran le fion, is le dibh làidir chaill iad an casan; chaidh an sagart agus am fàidh air seachran le dibh làidir; chlaoidheadh iad le fion; chaill iad an [TD 38] ISAIAH. CAIB. XXVIII. casan le dibh làidir: Chaidh iad am mearachd ann am fiosachd, thuislich iad ann am breitheanas. 8 Oir tha am buird uile làn do sgeith; do shalchar, air chor as nach ’eil àite sam bith saor. 9 Cò [ars’ iadsan] d’an teagaisgeadh e eolas; agus cò d’am foghlumadh e tuigse? Do ’n mhuinntir a chuireadh o’n chìch, agus a chumar air an ais o’n bhrollach? 10 Oir tha àithne air àithne; àithne air àithne; Rann air roinn; rann air roinn: An so beagan; agus an sud beagan. 11 Seadh gu deimhin, le beul manntach agus le teangaidh choimhich, labhraidh e ris an t-sluagh so. 12 Oir an uair a thuirt e riu: So an fhois fhior; thugaibhse fois do’n ti ta sgìth; agus is e so an suaimhneas: Cha’n eisdeadh iadsan. 13 Air an aobhar sin bidh focal Iehobhah gu deimhin dhoibhsan ’na àithne air àithne, àithne air àithne; rann air roinn, rann air roinn; an so beagan, agus an sud beagan: a chum gu rachadh iad air an aghaidh, is gu tuiteadh iad air an ais; agus gu biodh iad air am bristeadh, is air an ribeadh, is air an glacadh. 14 Uime sin, eisdibhse focal Iehobhah, O a luchd-fanoid; sibhse do ’n t-sluagh so ann an Ierusalem, a ta labhairt ghnàth-fhocla: 15 A ta ’g radh, Thionsgain sinn ann an co-cheangal ris a’ bhàs; agus ris an uaigh rinn sinn cordadh: an uair a shiubhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne: oir ghabh sinn breug mar ar dìdein; is dh’ fholaich sinn sinn-fein fo cheilg. 16 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Iehobhah: Feuch, suidhichidh mise, mar stéidh ann an Sion clach; clach dhearbhta; clach chinn na h-oisinne, luachmhor, daingean air chor as nach gluaisear i: esan a dh’earbas as, cha chuirear e gu h-amhluadh. 17 Agus toimhsidh mise mach breitheanas leis an riaghailt, agus fior-cheartas leis an t-sreing-thomhais: agus sguabaidh a’ chlach-mheallain air falbh an dìdein bhreige; agus comhdaichidh tuiltean an t-àite-folaich 18 Agus bidh ’ur co-cheangal ris a’ bhàs air a bhristeadh; is cha seas’ur cordadh ris an uaigh: tra shiubhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, leatha bidh sibhs’ air ’ur bualadh a sios 19 Co luath as a shiubhlas i trìd, ni i greim oirbhse: seadh madainn an deigh maidne siubhlaidh i trìd, a latha ’s a dh’ oidhche; agus dùisgidh eadhon an t-iomradh a mhàin uamhunn. 20 Oir tha an leaba tuille ’s gairid airson aon d’a shìneadh fein a mach air fhad; agus tha am brat tuille ’s ai-leathan airson aon d’a phasgadh fein a suas fuidhe. 21 Oir amhuil ann an sliabh Pherasim, eiridh Iehobhah suas; mar ann an gleann Ghibeoin, bidh e air a dhùsgadh le corruich; a chum gu cuireadh e ’n gniomh obair, obair ris nach ’eil e cleachdta; agus gu tugadh e gu crìch a dheanadas, a dheanadas neo-ghnàthaichte. [TD 39] ISAIAH. CAIB. XXIX. 22 Agus a nis, na tugaibh sibh fein a suas do fhanoid ni ’s mò, mu ’m fàs ’ur smachdachadh ni’s truime: oir ordugh iomlan agus làn-shuidhichte chuala mise o’n Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh, air an fhearann gu h-iomlan. 23 ¶ Thugaibhse fanear, agus cluinnibh mo ghuth-sa; thugaibh aire, agus eisdibh ri m’ bhriathraibh. 24 Am bheil an treabhaiche gach là ri h-ar a chum gu cuireadh e, a’ fosgladh, agus a’ bristeadh fòidean a mhachrach? 25 An uair a ni e comhnard a h-aghaidh, nach sgap e ’n sin a’ mheanbh-pheasair, is nach tilg e mach an cuimin, agus nach cuir e an cruithneachd ann an ceart-thomhas; agus aig an eorna, ’s aig an t-seagal, tha a chrioch shonraichte fein? 26 Oir tha a Dhia ’ga theagasg gu ceart; tha e buileachadh air eolais. 27 Cha’n ’eil a’ mheanbh-pheasair air a bualadh le inneal-bualaidh an arbhair; ni mò bheirear air roth a’ charbaid tionndadh air a’ chuimin: ach tha a’ mheanbh-pheasair air a bualadh amach le luirg, agus an cuimin le slait-shùiste: 28 Ach an garbh-choirce leis a’ charbad-bhualaidh. Ach cha bhuanaich e gu sior mar so ’ga bhualadh; no ’ga chlaoidh le roth a charbaid; no ’ga bhruthadh le crodhanaibh a spreidhe. 29 Tha so fòs a’ teachd o Iehobhah Dia nan sluagh: Tha esan ’ga nochdadh fein iongantach ann an comhairle oirdheirc ann an gniomh. CAIB. XXIX. Mo thruaighe Ariel, Ariel, am baile mu ’n do champaich Daibhidh! Cuiribh bliadhna ri bliadhna; rachadh na laithean feille mu’n cuairt ’nan ordugh. 2 Gidheadh bheir mise airc air Ariel; agus bidh fior-chaoidh ann agus bròn: agus bidh e dhomh-sa mar theintein na h-altaire moire. 3 Agus campaichidh mi ann a d’aghaidh cosmhuil ri Daibhidh; agus ni mi séisdeadh a d’aghaidh le torr; is togaidh mi a d’aghaidh daighnichean. 4 Agus bheirear thu nuas gu h-iosal; labhraidh tu mar gu b’ann fuidh an talamh: agus a mach as an duslach labhraidh tu uirigill fhann; agus thig do ghuth a mach as an làr, mar esan a dh’ iarras comhairl’ o na mairbh: agus a mach as an luaithre ni do chainnt fuaim lag, chaol. 5 Ach bidh mor-shluagh nan uaibhreach mar an dus mìn; is mar am moll luaineach mor-chuideachd nan eagalach: seadh, thig so gu crìch gu h-obann, ann an tiota. 6 O Iehobhah Dia nan sluagh, bidh smachdachadh obann, le tairneinich, is crith-thalmhainn, is treun-ghuth; le stoirm, agus doininn, agus lasair teine chaithtich. 7 Agus amhuil bruadar, aisling na h-oidhche, mar sin tarlaidh do mhor-shluagh nan uile chinneach, a ta ag cogadh an aghaidh Arieil; agus d’an uile armailtibh, agus d’an daighnichibh, agus do’n mhuinntir a ta ’ga chlaoidh. 8 Amhuil ’nuair a chi duine [TD 40] ISAIAH. CAIB. XXIX. acrach bruadar; agus feuch! tha e saoilsinn a bhi ’g itheadh; ach tha e dùsgadh, agus tha a chiocras fathasd gun sàsuchadh: Agus amhuil a bhruadaireas duine tartmhor; agus feuch! tha e saoilsinn a bhi ’g òl; ach tha e dùsgadh, agus tha e fathasd fann, agus anam an geall air bhi sàsuichte: mar sin tarlaidh do mhor-chuideachd nan uile chinneach, a chuir iad fein ann an ordugh an aghaidh sleibhe Shioin. 9 Tha iad air an lionadh le h-uabhas, tha iad air am bualadh le h-eagal; tha iad ag amharc le sealladh ioghnaidh ùmadail; tha iad air mhisg, ach cha’n ann le fion; tha iad a’ call an cas, ach cha’n ann le dibh làidir. 10 Oir dhòirt Iehobhah oirbh spiorad fuaine; agus dhruid e suas ’ur sùilean: air na fàidhean, agus air an luchd-riaghlaidh, air na fiosaichean chuir e dalla-bhrat. 11 Air chor as gu bheil am fios uile dhuibhse, mar bhriathra leabhair air a ghlasadh a suas; ni ma bheir aon do neach, d’an aithne litrichean, ag radh, Leugh so, guidheam ort; freagraidh esan, Cha’n urradh mi a leughadh; oir tha e glaiste suas: 12 No ma bheirear an leabhar do neach, do nach aithne litrichean, ag radh, Leugh so, guidheam ort; freagraidh esan, Cha’n aithne dhomhsa litrichean. 13 Uime sin thubhairt Iehobhah: ann a mheud as gu bheil an sluagh so a’ teachd dlù le’m beul, agus a’ toirt onoir dhomhsa le’m bilibh, am feadh a ta an cridhe fada uam: agus an eagal romham is diomhain, a’ teagasg aitheantan dhaoine. 14 Air an aobhar sin feuch, buinidh mise ris an t-sluagh so a rìs, air sheol co iongantach agus uabhasach, as gu d’ theid gliocas an duine ghlic am mugha, agus tuigse an duine thuigsich as an t-sealladh. 15 ¶ Mo thruaighe iadsan a ta [saoilsinn gu bheil iad] tuille ’s domhain air son Iehobhah ann an dealbh innleachdan diomhair; aig am bheil an gniomharan anns an dorcha; ’s a ta ’g radh, Cò a ta ann a chi sinn; agus cò aig am bi fios oirn? 16 Ceannairceach mar ata sibh! am measar an criadhadoir mar a’ chriadh? An abair obair mu’n oibriche, Cha d’ rinn e mi? agus an abair ni a dhealbhadh, uime-san a dhealbh e, Cha’n ’eil tuigs’ air bith aige? 17 Am bi ach tamull ro-bheag gus an deanar Lebanon cosmhuil ri Carmel, is gus am bi Carmel air a mheas mar fhàsaich? 18 An sin cluinnidh na bodhair briathran an leabhair; agus suilean nan dall, comhdaichte roimhe sin le neulaibh agus dorchadas, gheibh am fradharc. 19 Meudaichidh na daoine sèimh an aoibhneas ann an Iehobhah; agus bidh na bochdan luaghaireach ann an Ti naomha Israeil. 20 Oir dh’ fhàilnich an t-uabhasach, thainig crioch air an fhear-fhanoid; is ghearradh as gu tur iadsan uile bha furachair a chum aingeachd: 21 A rinn cainnt an duine bhochd fhiaradh; agus a leag rib air a shon-san a thagair anns a’ gheata; ’s a thug le ceilg tuisleadh do’n fhìrean. 22 Air an aobhar sin mar so [TD 41] ISAIAH. CAIB. XXX. deir Iehobhah Dia tighe Iacoib, esan a shaor Abraham: Ni’s mò cha nàraichear Iacob; cha bhi aghaidh gu bràth air a comhdachadh le h-amhluadh. 23 Oir an uair a chi a chlann obair mo lamh-sa, ’nam measg fein naomhaichidh iad m’ainm: naomhaichidh iad Ti naomha Iacoib, agus criothnaichidh iad ann an làthair Dhia Israeil. 24 Iadsan a thugadh a thaoibh le spiorad seachrain, gheibh eolas; agus na daoine drochmhuinteach gabhaidh ri teagasg. CAIB. XXX. MO thruaighe a’ chlann cheannairceach, arsa Iehobhah; a ta dealbh chomhairlean, ach cha’n ann uamsa; a ta daighneachadh cho-cheangal, ach cha’n ann le m’ spiorad-sa: chum gu cuireadh iad dò-bheairt ri dò-bheairt. 2 A ta ’g imeachd air an aghaidh gu dol sios do’n Eiphit; ach nach d’fhiosruich aig mo bheul-sa: chum iad fein a neartachadh le neart Pharaoih; is a dheanamh buin a sgàile na h-Eiphit. 3 Ach bidh neart Pharaoih dhuibh ’na nàire; agus ’ur bun a sgàile na h-Eiphit ’na mhasladh. 4 Bha an tighearnan aig Soan; is thainig an teachdairean gu Hanes: 5 Ghabh iad uile nàire do shluagh o nach d’fhuair iad tairbhe sam bith; o nach d’ fhuair iad a’ bheag do choghnadh, no bheag do bhuannachd; ach a bha eadhon ’nan nàire dhoibh agus ’nam masladh. 6 Uallach nan ainmhidhean air an astar gu deas, feadh fearainn airc agus éiginn: as an d’ thig a mach an leomhan boirionn, is an leomhan borb; an nathair nimhe, ’s an nathair theinteach itealach: tha iad ag iomachar an saibhreis air gualainn am feudail òig; is an stòrais air croit a chàmhail: a chum sluaigh nach toir buannachd air bith dhoibh. 7 Oir is faoin-cheo an Eiphit; is diomhain an coghnadh: air an aobhar sin thug mi mar ainm oirre Rahab an neo-dheanadach. 8 ¶ Imich a nis, scriobh e fa’n comhair air clàr; is cuir a sios e ann an litrichibh air leabhar: a chum gu biodh e airson nan aimsirean a thig; airson fianuis gu siorruith. 9 Oir is sluagh ceannairceach e so, clann bhreugach; clann, leis nach àill eisdeachd a thoirt do lagh Iehobhah: 10 A ta ’g radh ris na fiosaichean, Na faicibh; is ris na fàidhean, Na deanaibh fàisneachd nithe ceart dhuinn: labhraibh ruinne nithe mìne, deanuibh fàisneachd cheilge. 11 Claonaibh air falbh o’n t-slighe; rachaibh a leth-taobh o’n rathad dhìreach; atharraichibh as ar sealladh Ti naomha Israeil. 12 Air an aobhar sin, mar so deir Ti naomha Israeil: A chionn gu do chuir sibh cùl ris an fhocal so; agus gu d’earb sibh a claonadh agus a ceannairc; is gu do leig sibh gu buileach ’ur taic ris: 13 Uime sin, bidh an t-oilbheum so dhuibh mar bhristeadh ann am balladh breoite; mar aomadh ann am balladh ard; a thuiteas gu làr gu h-obann, ann an tiota. [TD 42] ISAIAH. CAIB. XXX. 14 Bristear e, mar a bhristeas neach soitheach fir-chreadha: bristidh e na bhloighdibh e, ’s cha dean e chaomhnadh; air chor as nach faighear mìr am measg a bhloighdean, a thogas teine o ’n teintein, no uisge o ’n tobar. 15 Gu deimhin mar so deir an Tighearna Iehobhah, Ti naomha Israeil: Le pilleadh o’r slighibh, agus le fuireach sàmhach, tearnar sibh; ann an sàmhchair, is ann an earbsa naomha, bithidh ’ur neart: Ach cha’n eisdeadh sibhse. 16 Agus thubhairt sibh: Ni h-eadh, ach air eachaibh teichidh sinn; Air an aobhar sin cuirear sibh gu teicheadh: Agus, Air steudaibh luatha marcaichidh sinn; Air an aobhar sin bidh iadsan luath, a ruaigeas sibh. 17 Aon mhìle ro’ chronuchadh aon; ro’ chronuchadh chuignear, deich mìle dhibh gabhaidh an teicheadh: gus am fàgar sibh mar bhrataich air mullach sleibhe; ’s mar bhuachaill’-bréige air aonach ard. 18 Gidheadh air son so feithidh Iehobhah gu deagh-ghean fheuchainn duibh; eadhon air son so feithidh e gu sàmhach, a chum gu dean e oirbh tròcair: (oir is Dia breitheanais Iehobhah; is beannuicht’ iadsan uile ta cur ann an dochais:) 19 ’Nuair a bhios sluagh naomh a chomhnuidh ann an Sion; an uair ann an Ierusalem a ni thu achuinge ris le gul: ri guth do ghlaoidh bidh e saibhir ann an tròcair dhuit; cha luaithe chluinneas e na bheir e dhuit freagradh. 20 Ge do thug Iehobhah dhuibh aran airce, agus uisge amhghair; gidheadh an fheurthuinn ’na h-am fein cha chumar ni’s mò air a h-ais: ach chi do shùilean an fheurthuinn ’na ceart am. 21 Agus cluinnidh do chluasan an guth ’ga d’ bhrosnuchadh air do chulaobh: ag radh, So an t-slighe; gluaisibhse innte; Na pillibh a thaoibh, a chum na làimhe deise, no chum na làimhe clìthe. 22 Agus measaidh sibh mar ni truailte sgeadachadh ’ur n-iodholan airgid, is éideadh ’ur dealbhan leaghta òir: tilgidh tu air falbh iad mar thrusgan salach; their thu riu, Imichibh uam. 23 Agus bheir e feurthuinn airson do shìl, leis an cuir thu d’ fhearann; agus aran do thoradh na talmhainn: agus bidh e saibhir agus pailt. An sin ionaltraidh do spreidh ann an àilein farsuing; 24 Agus na daimh, agus na h-asail òga a threabhas am fearann, ithidh innlin air a deagh-dheasachadh, air a greadhadh leis a ghuitidh is leis a chriathar. 25 Agus air gach beinn mhoir, is air gach cnoc ard, bidh caochain sgaoilteach, agus sruithean uisge, ann an là an àir mhoir, an tra thuiteas na cumhachdaich. 26 Agus bidh solus na gealaiche mar sholus na greine ann an aird’ a mheadhon-latha; agus bidh solus greine mheadhoin-là a sheachd uirread: anns an là san ceangail Iehobhah suas bristeadh a shluaigh; agus anns an leigheis e an lot, a thug a bhuille seachad. 27 ¶ Feuch! tha ainm Iehobhah a’ teachd o chéin; tha fhearg a’ losgadh, agus an lasair air dhian-bhoile: tha a bhilidh air an lionadh le teas-chorruich; is [TD 43] ISAIAH. CAIB. XXXI. tha a theanga mar theine caithteach. 28 Tha a spiorad mar steud-shruth bras a’ ruith thairis; ruigidh e meadhon a mhuineil. Tha e teachd a chrathadh nan cinneach le fasgan an leir-sgrios; agus bidh srian, gu ’n tarruing air seachran, ann an gialaibh an t-sluaigh. 29 Canaidh sibhse òran, mar anns an oidhche san gairmear an fheill gu h-ard-urramach; le gairdeachas cridhe, amhuil an uair a bhios aon a’ co-imeachd do fhuaim na pioba; chum dol gu sliabh Iehobhah, gu carraig Israeil. 30 Agus bheir Iehobhah fanear gu cluinnear a ghuth glormhor, agus gu faicear leagadh a nuas a ghairdein; le corruich ghairg, is le lasair teine chaithtich; le doininn ghairbh, agus frasaibh sgriosach, agus clachaibh meallain. 31 Le guth Iehobhah buailear a sios an t-Asirianach; esan a bha ullamh gu bualadh le bhata. 32 Agus tarlaidh, c’ àite sam bith an siubhail slat an smachdachaidh, a leagas Iehobhah gu trom air, gu bi tiompain agus clàrsaichean ’na co-chuideachd; agus le cruaidh-chomhragaibh cogaidh e ’nan aghaidh. 33 Oir dh’ ulmhaicheadh Tophet o shean; eadhon sin airson an righ tha ulmhaichte: rinn e domhain e; rinn e farsuing e; cruach theinteach, agus pailteas connaidh; agus ni anail Iehobhah, mar shruth pronnaisc, a lasadh. CAIB. XXXI. IS truagh dhoibhsin a tha dol asios do’n Eiphit airson coghnaidh; a ta ’g earbsadh a h-eachaibh airson an cuideachaidh: ata cur am muinighin ann an carbadaibh, a chionn gu bheil iad lionmhor: is ann am marcaichibh, a chionn gu bheil iad ro-làidir: ach nach ’eil ag amharc ri Ti naomha Israeil; is o Iehobhah nach ’eil ag iarruidh comhairle. 2 Ach bheir Esan ’na ghliocas orra dòrainn; is cha chuir e air cùl fhocal: ach eiridh e ’n aghaidh tighe an aingidh, ’s an aghaidh luchd-coghnaidh na muinntir a ta cur an gniomh droch-bheairt. 3 Oir na h-Eiphitich, is duine ’s cha Dia iad; agus an eich, is feoil iad, is cha spiorad: Agus sìnidh Iehobhah a mach a làmh; agus tuitidh am fear-cuideachaidh, is tilgear bun os cionn am fear a bha air a choghnadh; agus maille ri cheile bidh iad gu leir air am milleadh. 4 Oir mar so thuirt Iehobhah riumsa: Mar a raoiceas an leomhan, eadhon an leomhan òg, os cionn a chobhartaich; ge d’ robh uile bhuidheann nam buachaillean air an gairm le cheile ’na aghaidh: roimh an guth cha ghabh e geilt, ni mò chailleas e a mhisneach le ’n conghaoir: Is amhluidh a thig Iehobhah Dia nan sluagh a nuas gu cogadh, air son sleibhe Shioin, agus air son a chnuic fein. 5 Mar chearcan-eun ag itealuich os cionn an àlaich; mar sin dionaidh Iehobhah Dia nan sluagh Ierusalem; ’ga dionadh agus ’ga tearnadh; a’ leum air aghaidh, agus ’ga saoradh. [TD 44] ISAIAH. CAIB. XXXII. 6 ¶ Pillibh d’a ionnsuidh-san o’n do chlaon sibh le ceannairc co domhain, O sibhs’ a chlann Israeil! 7 Gu deimhin anns an là sin tilgidh iad air falbh le tàir, gach aon iodholan airgid, agus iodholan òir; am peacadh a rinn an làmha fein. 8 Agus tuitidh an t-Asirianach, cha’n ann le claidheamh gaisgich; seadh cha’n e claidheamh duine a shluigeas a suas e. Agus gabhaidh e gu teicheadh o ghnùis a’ chlaidheimh; agus treigidh am misneach a dhaoine taghta. 9 Agus le meud uabhais siubhlaidh e seach a dhaighneach; is bidh a chinn-fheadhna air am bualadh le geilt airson a ruaige. Mar so deir Iehobhah, aig am bheil a theine ann an Sion; agus fhuirneis ann an Ierusalem. CAIB. XXXII. FEUCH, rioghaichidh righ ann am fireantachd; is riaghlaidh uachdarain le ceartas: 2 Agus bidh an duine mar dhion o’n doininn, mar dhìdein o’n tuil; mar shruth-chlaisean uisge ann an àite tioram; mar sgàile carraige moire ann am fearann tartmhor: 3 Agus esan, bheir sùilean na muinntir a chi fanear; agus cluasan na muinntir a chluinneas, eisdidh. 4 Bheir eadhon cridhe ’n duine obainn fanear, agus gheibh e eolas; agus labhraidh an teanga mhanntach gu h-ealamh agus gu soilleir. 5 Cha mheasar an t-ùmaidh urramach ni’s mò; ’s cha ghoirear am miodhor ni ’s mò fial. 6 Oir labhraidh an t-ùmaidh do ghnàth amaideachd; is dealbhaidh a chridhe aingeachd: a’ cur an gniomh ceilge, ’s a’ labhairt gu docharach an aghaidh Iehobhah; a chaitheamh anama an acraich, agus a thoirt na dibhe o’n duine ìotmhor. 7 Air son an duine mhiodhoir, tha bhearta-san olc: tha e dealbh innleachdan aimhleasach; a ribeadh nan iriosal le briathraibh breugach; agus a shàruchadh tagraidh an fheumannaich ann am breitheanas. 8 Ach an duine fial dealbhaidh nithe fial: is bidh e fein le a rùn fial air a dhaighneachadh. 9 ¶ O a mhnathan, a ta ’n’ur suidhe gu suaimhneach, eiribh, eisdibh mo ghuth-sa! O a nigheanan a ta gabhail tàimh ann an tearuinteachd, thugaibh aire do m’ uirigill! 10 Bliadhnan air bhliadhnan bithidh sibh gun fhois, O a mhnathan gun chùram: oir dh’fhailnich am fion-fhoghara, tional an toraidh cha d’thig. 11 Criothnaichibh, O sibhse ta suaimhneach; bithibh gun fhios, O sibhse ta gun chùram! Cuiribh dhibh, rùisgibh sibh fein; agus crioslaichibh eudach saic air ’ur leasraibh, air ’ur brollaichibh; 12 Guilibh airson na faiche taitnich, airson na fineamhuine torthaich. 13 Thar fearann mo shluaigh-sa thig an droighionn a nios agus an dreas; seadh thar an iomlan do na tighean aobhach, thar a’ bhaile luaghaireach. 14 Oir tha an t-àros air a threigsinn, a’ chaithir dhòmhail air a fàgail faondrach; Ophel agus an tùr-faire bithidh ’nan [TD 45] ISAIAH. CAIB. XXXIII. uaimh cian fada; aoibhneas nan asal fiadhaich, ionaltradh air son nan treudan. 15 Gus am bi an spiorad os ’n aird air a dhòrtadh amach oirn; agus am fàs an fhàsach ’na machair thorthaich; agus am bi a’ mhachair thorthach air a meas ’na frìdh. 16 Agus gabhaidh breitheanas comhnuidh anns an fhàsaich; agus anns a’ mhachair thorthaich bidh a tàmh aig fireantachd. 17 Agus bidh obair na fireantachd ’na sìth; agus toradh na fireantachd na shuaimhneas siorruith agus na thearuinteachd. 18 Agus gabhaidh mo shluagh-sa comhnuidh ann am fardaich fhoistinich, is ann an ionadaibh-comhnuidh tearuinte, ’s ann an aiteachaibh-tàimh nach gluaisear. 19 Ach tuitidh a’ chlach-mheallain, is bheirear a nuas an doire: agus nithear a’ chaithir co-iosal ris a’ chomhnard. 20 Is beannuichte sibhse ta cur ’ur sìl anns gach ionad air a dheagh-uisgeachadh; a ta cur a mach coise ’n daimh agus na h-asail. CAIB. XXXIII. IS mairg dhuitse, a chreachadair, nach robh air do chreachadh thu fein; agus thusa, fhir-spùinnidh, nach robh air do spùinneadh: an uair a sguireas tu do chreachadh, creachar thu; an uair a bhios tu sgìth do spùinneadh, spùinnidh iadsan thusa. 2 O Iehobhah, dean trocair oirn; annadsa chuir sinn ar dochas; bi thus’ a’ d’ neart dhuinn gach aon mhadainn; eadhon ar slàinte ri h-am airce. 3 O d’ghuth eagalach-sa theich na slòigh; an uair a thog thu suas thu fein, sgapadh na cinnich. 4 Ach cruinnichear ’ur creach, mar a chruinnicheas am burrach; mar a ruitheas an locust air ais agus air aghaidh, mar sin ruithidh iadsan, agus glacaidh iad i. 5 Tha Iehobhah air ardachadh; seadh, tha a chomhnuidh gu h-ard: lion e Sion le breitheanas agus ceartas. 6 Agus is e daighneachadh do linn-sa gliocas agus eolas, sealbh air slàinte bhunaitich; eagal Iehobhah, bidh so ’na ionnas duit. 7 Feuch na daoine cumhachdach a’ togail gaoire chruaidh; teachdairean na sìth a’ gul gu goirt. 8 Tha na ròidean mora uaigneach; sguir am fear-turais: bhrist e ’n co-cheangal; chuir e cùl ris na caithrichean a thairgeadh; air daoine cha ’n ’eil meas air bith aige. 9 Tha am fearann ri bròn, dh’ fhàs e lag: mhasluicheadh Lebanon, shearg e: Tha Saron air fàs mar fhàsaich; agus Basan is Carmel air cur dhiubh am maise. 10 A nis eiridh mise, deir Iehobhah; a nis togaidh mi suas mi fein gu h-ard; a nis bithidh mi air m’ ardachadh. 11 Bidh sibh torrach le moll; beiridh sibh asbhuain; agus mo spiorad-sa mar theine ni bhur caitheadh. 12 Agus loisgear na fineachan mar a loisgear an t-aol; mar a ghearrar a sios an droighionn, is mar a chaithear e san teine. 13 Cluinnibh, O sibhse ta [TD 46] ISAIAH. CAIB. XXXIV. fad as, mo ghniomharan; is aidichibh, O sibhse ta dlù, mo chumhachd. 14 Tha na peacaich ann an Sion air am bualadh le h-eagal; ghlac uamhunn greim air na cealgairean: cò ’nar measg is urradh an teine millteach fhulang? cò ’nar measg is urradh an lasair shiorruith a ghiulan? 15 Esan a ghluaiseas gu fior-ionraic, agus a labhras nithe cearta; leis an gràineil buannachd an ain-neairt; a chrathas a làmhan o dhuais-bhratha; a dhruideas a chluasan ri sanas gu dòrtadh fala: a dhùineas a shùilean roimh choslas an uilc: 16 Bidh a chomhnuidh-san anns na h-ionadaibh arda; bidh daighnichean na carraige ’na dhìdein ard dha: aran bheirear dha gun uireasbhuidh; air uisgeachaibh cha d’ thig diobradh. 17 Do shùilean dearcaidh air an righ ’na mhaise; d’fhearann fein chi iad air a shìneadh a mach. 18 Gabhaidh do chridhe cùl-shealladh do’n eagal a chaidh seachad: C’àit a nis am bheil am fear-cuntais? c’àite fear-tomhais na cìse? c’ait am bheil esan a rinn na dùin àireamh? 19 Cha’n fhaic thu ni’s mò an sluagh borb sin, sluagh cainnte domhain, nach b’ urradh thu eisdeachd, agus teangaidh manntaiche nach b’ urradh thu thuigsinn. 20 Chi thu Sion, caithir ar n-ard-fheillean; do shùilean dearcaidh air Ierusalem, a’chomhnuidh fhoistineach, am pailliunn nach luaisgear, aig nach bi a chuaillean air an spionadh a nios gu bràth, is aig nach bi aon d’a chordaibh air a bhristeadh. 21 Ach bidh ainm glormhor Iehobhah dhuinne ’na ionad shruithean saibhir, aibhnichean leathna; far nach siubhail long ràmhach, ni mò theid soitheach mor air bith roimhe. 22 Oir is e Iehobhah ar breitheamh; is e Iehobhah ar fear-reachd; is e Iehobhah ar righ: ni e ar tearnadh. 23 Tha do shiuil fuasgailte; cha’n urradh iad an deanamh daingean: cha’n ’eil do chrann diongalta; cha’n urradh iad an suaicheantas a sgaoileadh. An sin bidh creach phailt air a roinn; ni eadhon am bacach greim air a’ chobhartach. 24 Ni mò their am fear-àiteachaidh, Tha mi sàruichte le tinneas: tha’n sluagh, a ta chomhnuidh an sin, air an saoradh o pheanas an aingeachd. CAIB. XXXIV. DLùthaichibh, O chinneacha, agus eisdibh; is thugaibh aire dhomh, O fhineacha! Eisdeadh an talamh, agus an làn a ta ann: an saoghal, is na h-uile ta fàs uaith. 2 Oir tha corruich Iehobhah air lasadh an aghaidh nan cinneach uile; agus fhearg an aghaidh gach aon inbhe dhiubh: thug e thairis iad; thug e suas iad a chum millidh. 3 Agus tilgear am mairbh a mach; agus o’n cairbheannaibh eiridh breun-bholadh; agus leaghaidh na sleibhtean a sios le’m fuil. 4 Agus crionaidh feachd neimhe gu leir air falbh; agus fillear na neamha fein air a cheile mar dhuille [leabhair;] agus seargaidh am feachd air fad; mar [TD 47] ISAIAH. CAIB. XXXV. a thuiteas an duilleag sheargta o’n fhineamhuinn, is mar am meas buailte o’n chrann-fhìge. 5 Oir rùisgeadh anns na neamhaibh mo chlaidheamh-sa: Feuch, air Edom tuitidh e; ’s air an t-sluagh a thugadh thairis leamsa gu ceart-bhreitheach a chum leir-sgrios. 6 Tha claidheamh Iehobhah sàsuichte le fuil; tha e lionta le saill; le fuil uan, agus ghabhar; le saill airnean reitheachan: oir tha Iehobhah a’ gleidheadh iobairt’ ann am Bosrah, agus àir mhoir ann an tìr Edoim. 7 Agus tuitidh na gabhair fhiadhaich maille riu; agus na daimh, maille ris na tairbh: agus bidh am fearann fein air mhisg le’m fuil, is nithear an duslach beartach le saill. 8 Oir is là dioghaltais e do Iehobhah; bliadhnadh an ath-dhiolaidh do fhear-dion cùise Shioin. 9 Agus iompaichear a sruithean gu pìc, is a duslach gu pronnasc; agus fàsaidh a fearann uile ’na phìc loisgich: 10 A dh’ oidhche no latha cha d’ theid a chur as; gu siorruith theid a deatach a suas: o linn gu linn luidhidh i ’na fàsaich; fad shaoghal nan saoghal cha d’theid aon neach roimpe; 11 Ach bidh i ’na h-oighreachd aig a’ phelican is aig a ghràineig; is gabhaidh a’ chailleach-oidhche ’s am fitheach innte comhnuidh: agus sgaoilidh e thairte riaghailt na leir-chreach; agus sreang-thomhais na faoineachd thar a machraichean seargta. 12 Cha mhaoidh iad ni ’s mò cliu na rioghachd; is thig a daoine mor-inbheach uile gu neo-ni. 13 Agus fàsaidh an droigheann anios ’na lùchairtibh; an ionntagach agus an dreas ’na daighnichibh; agus bidh i ’na fardaich aig dragonaibh, ’na h-àros aig nigheanaibh na comhachaig. 14 Agus coinnichidh na sionnaich agus na cait-fhiadhaich a cheile, ’s ni am fiadh-dhuine glaodh r’a chompanach: an sin fòs luidhidh an screuchag-oidhche, ’s gheibh i dhi fein àite tàimh. 15 An sin ni am fitheach-oidhche a nead, agus beiridh i a h-uighean, is ni i gur orra, is cruinnichidh i a h-àlach f’a sgàile: an sin fòs bidh na faing air an cruinneachadh, gach aon diubh le cheile fein. 16 Fiosruichibhse do leabhar Iehobhah, agus leughaibh: cha bhi aon dhiubh so air chall; cha bhi aon air bith dhiubh air easbhuidh a céile: oir thug beul Iehobhah seachad an àithne; agus rinn a spiorad e fein an tional. 17 Agus thilg e an crannchur air an son; is thomhais a làmh a mach an cuibhrionn leis an t-sreing: sealbhuichidh iad am fearann mar oighreachd bhith-bhuain; o linn gu linn gabhaidh iad ann comhnuidh. CAIB. XXXV. BIDH gairdeachas air an fhàsaich is air an tìr fhalaimh; is bidh an dùthaich uaigneach ait, is bristidh i mach le blàth: 2 Mar ròs bristidh i mach gu maiseach; agus ni machair dheagh-uisgichte Iordain mar an ceudna luaghair: gloir Lebanoin bheirear dha, maise Charmeil agus Sharoin; dearcaidh iad so [TD 48] ISAIAH. CAIB. XXXVI. air gloir Iehobhah, mòralachd air Dia-ne. 3 Neartuichibhse na làmhan lag, is daighnichibh na glùinean anfhann. 4 Abraibh ris na lag-chridhich: Bithibh làidir; na biodh eagal oirbh; feuchaibh ’ur Dia! Thig dioghaltas; ath-dhioladh Dhia: thig e fein, is ni e bhur saoradh. 5 An sin fuasglar sùilean nan dall; is bidh cluasan nam bodhar air am fosgladh: 6 An sin leumaidh am bacach mar am fiadh, agus seinnidh teangadh a’ bhalbhain: oir anns an fhàsaich bristidh a mach uisgeachan, agus sruithean anns an tìr neo-àitichte: 7 Agus fàsaidh a’ ghaineamh theth ’na linne, ’s am fearann tioram na thobraichibh fior-uisge: agus ann an comhnuidh nan dragon fàsaidh a nios am feur, leis a’ chuilc, agus leis an luachair. 8 Agus bidh ann an sin rathad deanta; agus theirear ris slighe na naomhachd: cha siubhail neach neo-ghlan air bith d’a thrìd: ach bidh E fein maille riu, a’ coiseachd anns an t-slighe, ’s cha d’ theid an t-ùmaidh [a ghluaiseas] innt’ air seachran. 9 Ann an sin cha bhi leomhan air bith; ni mò thig ain-tighearna nam beathaichean a nios do ’n àite sin; ni mò gheibhear an sin e; ach siubhlaidh iadsan ann a bhitheas air an saoradh. 10 Seadh muinntir shaorta Iehobhah pillidh; thig iad gu Sion le buaidh; agus aoibhneas siorruith mar chrùn air an ceannaibh. Gairdeachas agus aoibhneas gheibh iad, agus teichidh bròn agus osnaigh uatha. CAIB. XXXVI. ANN an ceathramh bliadhna deug righ Heseciah, thainig Senacherib righ Asiria nios an aghaidh uile chaithrichean làidir Iudah, agus ghlac e iad. 2 Agus chuir righ Asiria Rabsaceh o Lachis gu Ierusalem, a chum an righ Heseciah, le feachd mor: agus thaisbein e e fein aig clais-uisge an lochain uachdraich, air an rathad-mhor a stiuras gu faiche ’n fhùcadair. 3 An sin thainig a mach d’a ionnsuidh Eliacim, mac Hilciah, a bha os cionn an tighe, agus Sebna an scriobhaiche, agus Ioah mac Asaiph, an t-eachdruiche. 4 Agus thuirt Rabsaceh riu: Abraibhse ri Heseciah; Mar so deir an righ mor, righ Asiria: Ciod an steidh earbsa so ta agad, as am bheil thu ag deanamh buin? 5 Thubhairt thu, (ach is briathran faoin iad,) Tha comhairl’ agus neart gu leor agam air son a’ chogaidh. A nis cò as am bheil d’ earbsa, gu bheil thu ri ar a mach am aghaidh-sa? 6 Tha thu gu cinnteach a’ deanamh buin a cul-taic na cuilce briste so, as an Eiphit; ni, ma leigeas duine a thaic ris, a reubas a làmh, agus a theid roimpe: is amhuil sin Pharaoh righ na h-Eiphit do na h-uile chuireas ann an dòchas. 7 Ach ma their sibh rium, Tha sinn a’ deanamh buin a Iehobhah ar Dia; nach e sin Esan, a thug Heseciah air falbh ionadan arda agus altairean; agus dh’ àithn e do Iudah agus do Ierusalem aoradh a mhàin fa chomhair na h-altaire so? [TD 49] ISAIAH. CAIB. XXXVI. 8 Tionsgainibh a nis, guidheam oirbh, ann an co-cheangal ri m’ thighearna righ Asiria; agus bheir mise dhuit dà mhile each, air chumhnanta gur urradh thusa, air do thaobh fein, marcaichean fhaotainn doibh. 9 Cionnus ma ta a philleas tu air ais aon cheann-feadhna, am measg na muinntir is lugha do sheirbhisich mo Thighearna, ta ’g imeachd a nios a’ d’ aghaidh? Agus an saoil thu gu fritheil an Eiphit duit le carbadaibh agus le h-eachaibh? 10 Agus am bheil mise nis air teachd a nios as eugmhais Iehobhah an aghaidh an fhearainn so d’a sgrios? Iehobhah thuirt rium, Gabh thusa suas an aghaidh an fhearainn so, agus sgrios e. 11 An sin thuirt Eliacim, agus Sebna, agus Ioah, ri Rabsaceh: Labhair, guidheamaid ort, ri d’ sheirbhisich anns a’ chànuin Shiriaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair ruinn anns a’ chànuin Iudhaich, ann an eisdeachd an t-sluaigh a ta air a’ bhalladh. 12 Agus thubhairt Rabsaceh, An do chuir mo thighearna mise dh’ ionnsuidh do thighearna, ’s do d’ ionnsuidh-sa, a labhairt nam briathran so? Agus nach ann a chum nam fear, a ta ’nan suidhe air a’ bhalladh, air an orduchadh gu ’n aolach fein itheadh, agus an uisge fein òl, maille ribhse? 13 An sin sheas Rabsaceh, agus ghlaodh e le guth ard anns a’ chànuin Iudhaich, agus thubhairt e: Cluinnibhse briathran an righ mhoir, righ Asiria. 14 Mar so deir an righ: Na mealladh Heseciah sibh; oir cha bhi ’na chomas ’ur tearnadh. 15 Agus na cuireadh Heseciah an ceill duibh bun a dheanamh a Iehobhah; ag radh, Ni Iehobhah gu cinnteach ar tearnadh; cha toirear a’ chaithir so suas do làimh righ Asiria. 16 Na eisdibhse ri Heseciah; oir mar so deir righ Asiria: Deanaibh sìth rium-sa; agus thigibh amach chugam. Agus ithidh gach aon d’a fhineamhuinn fein, is gach aon d’a chrann-fìge fein; agus òluidh gach aon uisgeachan a thobair fein: 17 Gus an d’ thig mise agus an toir mi gu fearann cosmhuil ri ’r fearann fein; fearann arbhair agus fiona, fearann arain agus fhion-liosan. 18 Agus na leigibh le Heseciah ’ur mealladh, ag radh, Tearnaidh Iehobhah sinn. An do thearuinn dée nan cinneach gach aon a thìr fein a làimh righ Asiria? 19 C’ àit am bheil dée Hamait agus Arphaid? c’ àit am bheil dée Shepharbhaim? an do thearuinn iad Samaria as mo làimh-sa? 20 Cò a ta measg uile dhée nan dùchannan so, a thearuinn am fearann fein as mo làimh-sa; gu tearnadh Iehobhah as mo làimh Ierusalem? 21 Ach dh’ fhan an sluagh ’nan tosd, is cha do fhreagair iad e facal: oir bi àithne an righ, Na tugaibh dha freagradh. 22 An sin thainig Eliacim, mac Hilciah a bha os cionn an tighe, agus Sebna an scriobhuiche, agus Ioah mac Asaiph, an t-eachdruiche, gu Heseciah, le ’n eudaichibh reubta; agus dh’ [TD 50] ISAIAH. CAIB. XXXVII. innis iad dha briathran Rabsaceh. CAIB. XXXVII. AGUS an uair a chuala righ Heseciah sin, reub e eudach, agus chòmhdaich e e fein le eudach saic, is chaidh e gu tigh Iehobhah. 2 Agus chuir e Eliacim a bha oscionn an tighe, agus Sebna an scriobhuiche, agus seanoirean nan sagart, sgeadaichte le eudach saic, gu Isaiah, mac Amois, am fàidh. 3 Agus thubhairt iad ris: Mar so deir Heseciah; Is là teinn, agus achasain, agus maslaidh, an là so, oir tha chlann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith cha ’n ’eil ann. 4 O gu cluinneadh Iehobhah do Dhia briathran Rabsaceh, esan a chuir a thighearna righ Asiria a mhaslachadh an De bheo! agus gu cronuicheadh e na briathran a chuala Iehobhah do Dhia! Agus cuir thusa d’ urnaigh a suas air son iarmaid bhochd an t-sluaigh. 5 Agus thainig seirbhisich righ Heseciah gu Isaiah. 6 Agus thuirt Isaiah riu: Mar so their sibh ri ’r tighearna: Mar so deir Iehobhah: Na biodh eagal ort, airson nam briathran a chuala tu, leis an d’ thug òglaich righ Asiria masladh dhomhsa. 7 Feuch, dòirtidh mise spiorad ann, agus cluinnidh e tuairisgeul, agus pillidh e gu thìr fein; agus bheir mi air tuiteam leis a’ chlaidheamh ’na thìr fein. 8 Ach phill Rabsaceh; agus fhuair e righ Asiria a’ cur campa mu Libnah: oir chual’ e gu do thog e a champ o Lachis. 9 Agus ’nuair a fhuair Senacherib fios mu thimchioll Thirhacah righ Chuis, gu robh e teachd air aghaidh a chumail blàir ris; chuir e teachdairean a rìs gu Heseciah, ag radh: 10 Mar so their sibh ri Heseciah righ Iudah: Na leig le d’ Dhia, anns am bheil thu ag cur d’ earbsa, do mhealladh; le barantachadh dhuit, nach toirear a suas Ierusalem do làimh righ Asiria. 11 Chuala tu gu cinnteach, ciod a rinn righrean Asiria ris na h-uile dhùchannaibh a rinn iad gu tur a sgrios: agus am bi thusa air do thearnadh? 12 An do thearuinn dée nan cinneach a’ mhuinntir sin a rinn m’ aithrichean-sa mhilleadh? Gosan, agus Haran, agus Reseph; agus mic Edein, a bha ann an Telasar? 13 C’ àit am bheil righ Hamait, agus righ Arphaid, agus righ baile Shepharbhaim, Henah, agus Ibhah? 14 Agus ghlac Heseciah na litrichean o làimh nan teachdairean, is leugh e iad; agus chaidh e suas do thigh Iehobhah: Agus sgaoil Heseciah iad fa chomhair fianuis Iehobhah. 15 Agus ghuidh Heseciah fa chomhair Iehobhah, ag radh: 16 O Iehobhah, Dhia nan sluagh, a Dhia Israeil, a th’ ann a d’ shuidhe air na Cherubim! Is Tusa Dia, Thusa a’ d’ aonar, air uile rioghachdaibh an domhain; Is Tu a rinn na neamha, agus an talamh! 17 Crom, O Iehobhah, do chluas, agus cluinn; fosgail, O [TD 51] ISAIAH. CAIB. XXXVII. Iehobhah, do shùilean, agus faic: seadh cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e mhaslachadh an De bheo. 18 Gu deimhin, O Iehobhah, sgrios righrean Asiria na cinnich uile, agus an dùchannan; is thilg iad an dée anns an teine: 19 Oir cha bu dée iad idir, ach obair làmhan duine, fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad. 20 Agus a nis, O Iehobhah, ar Dia-ne, saor sinn, guidheamaid ort, o a làimh; a chum gu’n aithnicheadh uile rioghachdan na talmhainn, gur Tusa Iehobhah is Dia ann a mhàin. 21 ¶ An sin chuir Isaiah mac Amois fios gu Heseciah, ag radh: Mar so deir Iehobhah Dia Israeil: D’ urnaigh riumsa, mu thimchioll Shenacherib righ Asiria, chuala mi. 22 So am focal a labhair Iehobhah mu thimchioll-san: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanoid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaobh. 23 Cò d’ an d’ thug thu masladh agus toibheum; is cò a thog thu do ghuth ’na aghaidh? agus a thog thu suas do shùilean gu h-ard? eadhon an aghaidh Ti naomha Israeil. 24 Le d’ theachdairean mhasluich thu Iehobhah, agus thubhairt thu: Le lionmhoireachd mo charbad dhìrich mi airde nan sleibhtean, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sios a’ chuid as airde d’a sheudaraibh, roghadh a chranna-giumhais; agus ruigidh mi ionadan a’s uaigniche, a dhoireachan a’s taitniche. 25 Chladhaich mi, agus dh’ òl mi uisgeacha coimheach; is thiormaich mi suas le bonn mo chas uile shruth-chlaisean nan ionada làidir. 26 Nach cuala tu, o shean, gur mise dh’ orduich e? agus, o aimsiribh céin, gur mise dhealbh e? A nis thug mi gu crìch e, gu biodh tusa gu cur fàs chinneacha cumhachdacha, chaithrichean daighnichte. 27 Air an aobhar sin bha an luchd-àiteachaidh air bheag neart; lionadh iad le geilt agus le h-amhluadh: bha iad mar fheur na faiche, ’s mar an luibh uaine; mar fheur mullaich an tighe; is mar an t-arbhar seargta mu ’m fàs e suas. 28 Ach do shuidhe sios, agus do dhol a mach, agus do theachd a steach, agus do bhoile ann am aghaidh-sa, is aithne dhomh. 29 A chionn gu d’ thainig do bhoile ann am aghaidh, agus do dhalmachd, a nios gu m’ chluasaibh; air an aobhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann a d’ shròin, agus mo shrian ann a d’ ghialaibh; agus pillidh mi air d’ ais thu anns an t-slighe air an d’ thàinig thu. 30 Agus bidh so ’na chomhara dhuit: Ith air a’ bhliadhna so an ni sin a dh’ fhàsas leis fein; agus an dara bliadhna e sin a dh’fhàsas a nios o ’n ni cheudna; agus air an treas bliadhna cuiribh, agus buainibh; agus suidhichibh fion-liosan, agus ithibh an toradh. 31 Agus a rìs, a’ mhuinntir a theid as, iarmad tighe Iudah, tilgidh freumh a sios, agus giulainidh toradh a suas. Oir a Ierusalem theid a mach am fuigheall; agus a’ chuid a theid as o shliabh Shioin: eud Iehobhah [TD 52] ISAIAH. CAIB. XXXVIII. Dhia nan sluagh bheir so gu crìch. 32 Air an aobhar sin, mar so deir Iehobhah mu thimchioll righ Asiria: Cha d’ thig e steach do ’n chaithir so; ni mò thilgeas e saighead innte; ni mò thaisbeanas e sgiath f’ a comhair; ni mò thilgeas e suas torr ’na h-aghaidh. 33 Air an t-slighe air an d’ thainig e, air an t-slighe cheudna pillidh e; agus do’n chaithir so cha d’ thig e; deir Iehobhah. 34 Agus dionaidh mise a’ chaithir so chum a tearnadh; air mo sgàth fein, agus air sgàth Dhaibhidh m’ òglaich. 35 Agus chaidh aingeal Iehobhah a mach, agus bhuail e ann an campa nan Asirianach, ceud agus ceathair fichead agus cuig mìle fear: agus an uair a dh’ eirich an sluagh moch anns a’ mhadainn, feuch, bha iad uile ’nan corpaibh marbha. 36 An sin thog Senacherib righ Asiria a champa, agus dh’ imich e, agus phill e; agus ghabh e comhnuidh ann an Ninebheh. 37 Agus air dha bhi ri aoradh ann an teampull Nisroic a dhé, bhuail Adramelec agus Sareser, a mhic, e leis a’ chlaidheamh: agus theich iad gu tìr Armenia; agus rioghaich Esarhadon a mhac ’na àite. CAIB. XXXVIII. ANNS an am sin ghlacadh Heseciah le tinneas bàsmhor: agus thainig Isaiah am fàidh, mac Amois, d’a ionnsuidh; agus thuirt e ris: Mar so deir Iehobhah: Orduich mu thimchioll ghnothaichean do theaghlaich: oir is eigin duit bàs fhaotain; cha bhi thu ni’s faide beo. 2 An sin thionndaidh Heseciah aghaidh ris a’ bhalladh; agus rinn e achuinge ri Iehobhah. 3 Agus thubhairt e: Guidheam ort, O Iehobhah, cuimhnich a nis cionnus a thug mise oidhrip air gluasad ann a d’ làthair ann am firinn, agus le cridhe iomlan; agus mar a rinn mi an ni sin a ta ceart ann a d’ fhradharc. Agus ghuil Heseciah, agus chaoidh e gu goirt. 4 A nis [mu’n robh Isaiah air dol a mach gu meadhon na cùirte] thainig focal Iehobhah d’a ionnsuidh, ag radh: 5 Pill air d’ ais, agus abair ri Heseciah: Mar so deir Iehobhah, Dia Dhaibhidh t’ athar: Chuala mise d’ achuinge; chunnaic mi do dheoir: Feuch [ni mise do leigheas, agus air an treas là theid thu suas do thigh Iehobhah. Agus] cuiridh mise ri d’ làithibh cuig bliadhna deug: 6 Agus saoraidh mi thusa, agus a’ chaithir so, a làimh righ Asiria: agus dionaidh mi a’ chaithir so. 22 Agus [thuirt Heseciah: ciod an comhara leis an aithnich mi, gu d’ theid mi suas do thigh Iehobhah? Agus thuirt Isaiah:] 7 Bidh so ’na chomhara dhuit o Iehobhah, gu toir Iehobhah gu buil am focal so a labhair e. 8 Feuch, bheir mise air ais sgàile nan ceumanna, leis an deachaidh a’ ghrian a sios air ceumaibh Ahais, deich ceuman air an ais. Agus phill a’ ghrian air a h-ais deich ceuman, air na ceumaibh air an deachaidh i sios. 21 Agus thuirt Isaiah; Gabhadh iad meall fhìgean: agus bhrùth iad iad, agus chuir iad ris an neasgaid iad; agus leighiseadh e. [TD 53] ISAIAH. CAIB. XXXIX. 9 ¶ Scriobhadh Heseciah righ Iudah, an uair a bha e tinn, agus a leighiseadh e o thinneas. 10 Thubhairt mi, ’nuair a bha mo làithean air bheul a bhi air an gearradh as; Siubhlaidh mise trìd gheatachan na h-uaighe; tha mi air mo ghearradh o fhuigheall mo bhliadhnan! 11 Thubhairt mi, Cha ’n fhaic mise ni ’s mò Iehobhah ann an tìr nam beo! Cha ’n fhaic mi ni ’s mò duine, le luchd-àiteachaidh an t-sagohail! 12 Tha m’ ionad-comhnuidh air a thoirt air falbh, agus air atharrachadh uam, cosmhuil ri pailliun buachaille: tha mo bheatha air a gearradh as, mar leis an fhigheadair; sgaraidh e o’n bheairt mi; ann an imeachd an latha criochnaichidh tusa mo chlò. 13 Bheuc mi gus a’ mhadainn, mar an leomhan: mar sin bhrist e ’nam bloighdibh m’ uile chnàmhan. 14 Mar an golan-gaoithe, mar a’ chorr, rinn mi cànran; rinn mi caoirean mar an columan. Tha mo shùilean air failneachadh le sealltuinn a suas: O Thighearna, tagair thusa air mo shon; bi thus’ a’ d’ urras air mo chùl. 15 Ciod a their mi? Thug e dhomh gealladh, agus rinn e a choilionadh. Trìd a’ chuid eile do m’ bhliadhnaibh smaointichidh mi air a’ ghoirteas so m’ anama. 16 Air an aobhar so cuirear an ceill, O Iehobhah, mu d’ thimchioll-sa, gu d’ ath-bheothaich thu mo spiorad; gu d’ ath-nuadhaich thu mo shlàinte; gu do shìn thu mach mo bheatha. 17 Feuch, tha mo ghoith air a caochladh gu fois! theasairg thusa m’ anam o sgrios; seadh thilg thu air do chùlaobh m’ uile lochdan. 18 Gu deimhin cha toir an uaigh buidheachas duitse; cha toir am bàs cliu dhuit; iadsan a theid a sios do ’n t-slochd cha ’n fheith ri d’ fhirinn: 19 Am beo, am beo, molaidh esan thu, mar a dheanams’ air an la ’n diugh; an t-athair do ’n chloinn cuiridh an ceill do dhilseachd. 20 Bha Iehobhah leam do m’ thearnadh: air an aobhar sin seinnidh sinn ar n-òrain do ’n chlàrsaich, uile làithean ar beatha, ann an tigh Iehobhah. CAIB. XXXIX. ANNS an am sin chuir Merodach Baladan mac Bhaladain, righ Bhabiloin, litrichean agus teachdairean, agus tìolac gu Heseciah; oir chual’ e gu robh e tinn, is gu do shlànuicheadh e. 2 Agus bha gairdeachas air Heseciah a chionn gu d’ thainig iad: agus dh’fheuch e dhoibh a thighean-taisg, a chuid airgid, agus òir, agus na spiosruidhean, agus an oladh-ungaidh luachmhor, agus a thigh-arma gu leir, is na h-uile ni a bha ’na ionnasaibh: cha robh ni air bith ’na thigh, agus ’na rioghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhoibh. 3 Agus thainig Isaiah am faidh gu righ Heseciah, agus thuirt e ris: Ciod a tha na daoine so ag ràdh? agus cia as a thainig iad do t’ionnsuidh-sa? Agus thuirt Heseciah: Thainig iad do m’ ionnsuidh-sa o thìr chéin, a Bhabilon. 4 Agus thuirt esan; Ciod a chunnaic iad ann a d’thigh? Agus thuirt Heseciah: Chunnaic iad gach aon ni ann am thigh: cha’n [TD 54] ISAIAH. CAIB. XL. ’eil ni sam bith ann am ionnasaibh, nach d’ fheuch mi dhoibh. 5 Agus thuirt Isaiah ri Heseciah: Eisd thusa focal Iehobhah Dhia nan sluagh. 6 Feuch, tha na làithean a’ teachd anns am bi gach ni a ta ann a d’thigh, agus a charn d’aithrichean a suas gu ruig an là an diugh, air a thoirt air falbh gu Babilon: cha bhi ni sam bith air fhàgail, deir Iehobhah. 7 Agus do d’ mhacaibh, a bhios ’nan sliochd dhuit, a ghinear leat, gabhaidh iad; agus bithidh iad ’nan caillteanaich ann an àros righ Bhabiloin. 8 Agus thuirt Heseciah ri Isaiah: Is gràsmhor focal Iehobhah, a thug thu seachad! oir, ars’ esan, bidh sìth ann, do reir a gheallaidh fhirinnich, ann am laithibh-sa. CAIB. XL. THUGAIBH cò fhurtachd, thugaibh co-fhurtachd do m’ shluagh-sa, deir ’ur Dia. 2 Labhraibh briathra misneachail ri Ierusalem, agus cuiribh an ceill di, gu do choilionadh a cogadh; gu do ghabhadh iobairt-ghlanaidh a h-aingeachd; gu faigh i o làimh Iehobhah [beannachdan] a dhà uiread ri peanas a h-uile lochdan. 3 Tha guth ag eigheach; Anns an fhàsaich reitichibhse slighe Iehobhah! Deanaibh direach anns an fhàsaich slighe chomhnard air son air Dia-ne! 4 Bidh gach aon ghleann air ardachadh, is gach aon sliabh is cnoc air ìsleachadh; is fàsaidh na [ròide] cam direach, agus na h-ionada garbha ’nan comhnard reidh: 5 Agus bidh gloir Iehobhah air a foillseachadh; is chi gach uile fheoil le cheile slàinte ar Dia-ne: oir beul Iehobhah labhair e. 6 Tha guth ag radh: Eigh! Agus thuirt mise, Ciod a dh’eigheas mi? Is feur na h-uile fheoil, is tha uile ghloir mar bhlàth na machrach: 7 Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crionadh; an uair a ni gaoth Iehobhah seideadh air. Gu deimhin is feur an sluagh so. 8 Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crionadh: ach focal ar Dia-ne seasuidh gu siorruith. 9 Siubhail a suas gu sliabh ard, O a nighean a tha toirt sgeoil ait do Shion: tog do ghuth le neart, O a nighean a tha toirt sgeoil ait do Ierusalem. Tog e; na biodh eagal ort: abair ri bailtibh Iudah, Feuchaibh ’ur Dia! 10 Feuch, thig an Tighearna Iehobhah an aghaidh an ti làidir, is gheibh a ghairdean buaidh air. Feuch, tha a dhuais leis, agus luach-saoithreach oibre fa chomhair. 11 Mar bhuachaille ni e threud a bheathachadh; ’na ghairdeinibh cruinnichidh e suas na h-uain, agus giulainidh e ’na uchd iad; na caoirich-altruim ni e gu seimh a stiuradh. 12 Cò thomhais na h-uisgeachan ann an glaic a dhearnaidh; agus a shìn a mach na neamha le a réis; agus a chum duslach na talmhainn ann an soitheach-tomhais, agus a chothromaich ann an sligibh na sleibhtean, agus na cnuic ann an meigh-chothroim? 13 Cò thug seoladh do spiorad, Iehobhah; agus mar aon d’a chomhairle, thug dha fiosrachadh? [TD 55] ISAIAH. CAIB. XL. 14 Cò air an d’iarr e comhairle, chum gu deanadh e theagasg, agus gu ’n innseadh e dha ceum a bhreitheanais; a chum gu tugadh e dha eolas, agus gu deanadh e a sheoladh ann an slighe na tuigse? 15 Feuch, tha na cinnich mar bhoinne ’n t-soithich-uisge; mar dhus mìn na slige-tomhais measar iad: Feuch, na h-eileanan togaidh e suas mar smuirnean. 16 Agus Lebanon cha leor air son an teine; agus a bheathaichean cha leor air son na h-iobairt-loisgte. 17 Tha na cinnich uile mar neo-ni ’na lathair-san; tha iad air am meas mar ni ’s lugha na neo-ni, agus diomhanas. 18 Cò ris uime sin a shamhlaicheas sibh Dia? agus ciod an samhla cosmhalachd a dheasaicheas sibh air a shon? 19 Tha am fear-oibre a’ tilge deilbhe; agus tha an t-òr-cheard ’ga chur thairis le h-òr; agus a’ deanamh air a shon chuibhrichean airgid. 20 Esan nach ruig air tabhartas luachmhor taghaidh e mìr fiodha nach grod; iarraidh e mach dha fein fear-oibre seolta, a chur a suas deilbhe, nach d’theid a ghluasad. 21 Nach bi fios agaibh? nach eisd sibh? nach do chuireadh an céill duibh o thùs? nach do thuig sibh e o bhunaite na talmhainn? 22 Is Esan a ta ’na shuidhe air cuairt na talmhainn; agus tha ’n luchd-àiteachaidh dha mar dhreollain: A shìneas a mach na neamha, mar sgàile tana; ’s a sgaoileas iad mar phailliun anns an gabhar comhnuidh: 23 A bheir prionnsachan gu bhi ’nan neo-ni; a ni breitheachan na talmhainn ’nam fior fhaoineis. 24 Seadh cha’n fhàg iad ùr-fhas air bith ’nan deigh, cha bhi iad air an cur, cha sgaoil am bonn a fhreumh anns an talamh: ma mi esan ach séideadh orra, air ball seargaidh iad; agus giulainidh a’ chuairt-ghaoth air falbh iad mar an asbhuain. 25 Co ris ma ta shamhlaicheas sibh mise! agus co ris a bhios mi air mo choimeas? deir an Ti naomha. 26 Togaibh a suas ’ur sùilean ris na h-ardaibh; agus feuchaibh, cò chruthaich iad so. Tairngidh Esan a mach an armailtean air àireamh; gairmidh e gu leir iad air an ainm: trìd meud a neart, agus mòralachd a chumhachd, aon air bith dhiubh cha dearmaid teachd a lathair. 27 Ciod uime deir thusa ma ta, O Iacoib; is c’ar son a labhras tusa mar so, O Israeil? Tha mo shlighe foluichte o Iehobhah, ’s mo chor a’ gabhail seachad gun bhi air a thoirt fanear le m’ Dhia. 28 Nach robh fios agad, nach cuala tu, gur e Iehobhah an Dia bith-bhuan, cruith-fhear chriocha na talmhainn: nach d’thig aon chuid fàilinn air, ni mò a sgìthichear e; agus gur do-rannsachaidh a thuigse! 29 Bheir Esan neart do’n lag, agus do’n anfhann meudaichidh e treise. 30 Na daoin’ òga fàsaidh lag agus sgìth, agus gheibh an òigridh thaghta tuisleadh agus leagadh. 31 Ach iadsan a dh’ earbas a Iehobhah, gheibh iad spionnadh [TD 56] ISAIAH. CAIB. XLI. nuadh; cuiridh iad a mach iteach ùr, mar an iolair, a dh’ ath-nuadhaicheas a clòimh: ruithidh iad, is cha bhi iad sgìth; siubhlaidh iad air an aghaidh, is cha’n fhàs iad lag. CAIB. XLI. Do m’ ionnsuidh-sa thigeadh na cinnich iomallach le ùr-neart inntinn; is ath-nuadhaicheadh na slòigh an neart. Thigeadh iad am fagus; labhradh iad; tionnsgnamaid air tagradh cudromach le cheile. 2 Cò dhùisg a suas an duine fireanach o’n Ear; a ghairm e gu bhi ’m fochair a cheuma? a cheannsuich cinnich ’na fhianuis; agus a thug dha riaghladh thar righrean? a rinn iad mar an duslach roimh a chlaidheamh; is mar an asbhuain fhuadaichte roimh a bhogha? 3 Tha e ’gan ruagadh; tha e ’g imeachd ann an tearuinteachd; air slighe air nach do shaltair riamh roimhe a chasan. 4 Cò choilion agus a rinn na nithe so, a’ gairm gach linn fa leth o’n tùs? Mise Iehobhah an ceud neach, agus leis a’ mhuinntir mu dheire; is mi an ti ceudna. 5 Chunnaic na cinnich iomallach, is ghabh iad geilt; ionadan ioma-chein na talmhainn, is ghabh iad uabhas. Thàinig iad am fagus, thainig iad le cheile; 6 Chuidich gach aon a choimhearsnach, agus thubhairt e r’a bhrathair, Biodh misneach mhaith agad. 7 Tha’n snaigheadair a’ toirt misnich do’n ghabha; esan a mhìnicheas leis an ord, do’n fhear a bhuaileas air an innein: ag radh mu’n tàthadh, Tha e maith; agus daighnichidh e’n dealbh le tairnibh, air chor as nach gluais e. 8 Ach thusa, Israeil, m’oglach; thusa, a Iacoib, a roghnaich mi; sliochd Abrahaim mo charaid: 9 Thusa, a stiur mi air làimh o chriochaibh na talmhainn; agus a ghairm mi o h-iomallaibh; agus thubhairt mi riut, Is tu m’oglach; roghnaich mi thu, ’s cha chuir mi cùl riut: 10 Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia. Neartaich mi thu, chuidich mi thu; chum mi eadhon taice riut le m’ dheas-làimh dhìleis. 11 Feuch, nàraichear agus masluichear iadsan a bha air bhoile riut: iadsan a rinn strì riut, fàsaidh mar neo-ni, agus theid gu tur am mugha. 12 Iarruidh tu iad, agus cha’n fhaigh thu iad, eadhon na daoine a rinn strì riut; fàsaidh iad mar neo-ni, agus mar fhior fhaoineis, eadhon na daoine chuir a d’ aghaidh anns a’ chomhrag. 13 Oir is mise Iehobhah do Dhia, a ta ga d’ chumail a suas air do làimh dheis; a ta ’g radh riut, Na biodh eagal ort; is mi d’ fhear-coghnaidh. 14 Na biodh eagal ort, o chnuimh a Iacoib, a dhaoine bàsmhor Israeil: is mise d’ fhear-coghnaidh, deir Iehobhah; agus is e d’fhear-aichbheil, Ti naomha Israeil. 15 Feuch, rinn mise inneal-bualaidh dhiot; cleath-chliadhaidh ùr, armaichte le fiaclaibh geura: buailidh tu na sleibhtean, [TD 57] ISAIAH. CAIB. XLI. agus pronnaidh tu gu mion iad; agus ni thu ’nam moll na cnoca. 16 Fasganaidh tu iad, agus giulainidh a’ ghaoth air falbh iad; agus sgapaidh an doinionn mu’n cuairt iad: Ach ni thusa gairdeachas ann an Iehobhah; ann an Ti naomha Israeil ni thu ard-uaill. 17 Tha am bochd agus an t-ainnis ag iarruidh airson uisge, ’s cha’n ’eil e ann; tha an teangadh air tiormachadh le tart: mise Iehobhah freagraidh iad; Dia Israeil, cha dean mi an treigsinn. 18 Fosglaidh mi anns na h-ionadaibh arda, aibhnichean; is ann am meadhon nan gleann, tobraichean: ni mi an fhàsach ’na linne uisge, agus am fearann tioram ’na shruthaibh uisge. 19 Anns an fhàsaich bheir mi ’n seudar, an t-acasia, am mirtiol, agus a’ chraobh a thilgeas ola: suidhichidh mi an crann giumhais anns an fhàsaich; an gall-ghiumhas agus an crann-bocsa le cheile. 20 A chum gu faiceadh iad, agus gu’n aithnicheadh iad, agus gu tugadh iad fanear, is gu tuigeadh iad a dh’ aon uair, gur i làmh Iehobhah a rinn so, agus gur e Ti naomha Israeil a dhealbh e. 21 Thigibh dlù, taisbeanaibh ’ur cùis, deir Iehobhah: taisbeanaibh iad so, bhur morchumhachdan, deir righ Iacoib. 22 Thigeadh iad am fagus, agus innseadh iad dhuinn na nithe thig gu crich: na nithe thachras an toiseach, ciod iad, innseadh iad dhuinn; agus bheir sinn fanear iad; agus bidh fios againn air a’ chrich. No innsibh dhuinn nithe ta ri tachairt ’na dheigh so: 23 Innsibh dhuinn na nithe thig gu crìch anns na h-amaibh deireannach; an sin aithnichidh sinn gur Dée sibh. Seadh deanaibh maith, no deanaibh olc; an sin lionar sinn maraon le h-ioghnadh agus le h-uabhas. 24 Ach, feuch, tha sibh ni ’s lugha na neo-ni; agus ’ur deanadas ni ’s lugha na ni gun bhith: fuathaichte gu robh an ti a roghnaicheas sibh! 25 Thog mi suas aon o Thuath, agus thig e; o eirigh na greine gairmidh e air m’ ainm: agus saltraidh e air prionnsaibh, mar chlàbar; eadhon mar a shaltras an créadhadoir air a chré. 26 Cò dh’ fhoillsich so o’n tùs, as gu biodh fios againn air? is roi’ làimh gun abramaid, Tha ’n fhàisneachd fior? Cha robh neach ann a dh’ innis e, cha robh neach ann a dh’fhoillsich e; cha robh neach air bith a chuala bhur briathran: 27 Is mise an toiseach do Shion [a thug am focal,] Feuch tha iad an so; agus do Ierusalem thug mi teachdaire an sgeoil aoibhinn. 28 Ach dh’amhairc mi, is cha robh neach ann; agus am measg nan iodhol, is cha robh aon air bith, a thug rabhadh; 29 Agus dh’fheoruich mi dhiubh, [is cha robh aon ann] a b’ urradh freagairt. Feuch, tha iad, an t-iomlan diubh, ’nan diomhhanas; tha an obair ’na neo-ni: fior ghaoth agus faoineis an dealbhan leaghta. [TD 58] ISAIAH. CAIB. XLII. CAIB. XLII. FEUCH m’ òglach, a chumas mi suas; m’ aon taghta, anns am bheil tlachd aig m’anam: bheir mi air mo spiorad comhnuidh ghabhail air; agus foillsichidh e breitheanas do na cinnich. 2 Cha ghlaodh e gu h-ard, ni mò dhùisgeas e co-ghaoir, is cha toir e air a ghuth gu cluinnear e anns na h-ionadaibh follas: 3 A’chuilc bhrùithte cha bhrist e; agus an lion d’ am bheil caol-smùid cha mhùch e: foillsichidh e breitheanas, air chor as gu suidhich e gu fior-dhaingean e. 4 Cha bhi a neart air a lughdachadh, no air a bhristeadh; gus an suidhich e breitheanas gu daingean air an talamh: agus feithidh na cinnich iomallach gu dùrachadh airson a reachd. 5 Mar so deir an Dia, eadhon Iehobhah, a chruthaich na neamha, is a shìn a mach iad; a sgaoil a mach an talamh, agus a thoradh; a tha toirt anail do’n t-sluagh a ta air; agus deo dhoibhsin a ta coiseachd air: 6 Mise Iehobhah ghairm thu airson gnothaich fhirinnich; agus gabhaidh mi greim do d’ làimh, is tearnaidh mi thu; agus bheir mi thu mar cho-cheangal do ’n t-sluagh, mar sholus do na cinnich. 7 A dh’fhosgladh sùilean nan dall; a thoirt nam priosunach a mach a’n sàs, agus na muinntir a ta chomhnuidh ann an dorchadas a mach as an t-slochd. 8 Is mise Iehobhah, is e sin m’ ainm; agus mo ghloir cha toir mi do neach eile, no mo chliu do dhealbhan snaighte. 9 Na fàisneachdan roimhe so, feuch, thainig iad gu crich; agus nithe nuadh foillsicheam a nis: mu’m brist iad a mach, ni mis’ iad aithnichte dhuibh. 10 Seinnibh do Iehobhah òran nuadh; a chliu, o chriochaibh na talmhainn: sibhse tha dol a sios air an fhairge, agus na h-uile ta ’ga lionadh; a shliosan iomallach na fairge, agus sibhse ta chomhnuidh annta: 11 Glaodhadh an fhàsach a mach, agus na bailtean a ta innte; na beag-bhailtean, is iadsan a ta chomhnuidh ann an Cedar: deanadh luchd-àiteachaidh na tìre creagaich fuaim aoibhneach, o mhullach nan sleibhtean togadh iad ard-iolach: 12 Thugadh iad do Iehobhah gloir, is aithriseadh iad a chliu am measg nan cinneach ioma-chein. 13 Siubhlaidh Iehobhah a mach mar ghaisgeach; mar fhear-cogaidh cumhachdach dùisgidh e suas a dhioghaltas: glaodhaidh e gu h-ard, togaidh e mar an ceudna iolach; cuiridh e mach a neart an aghaidh a naimhdean. 14 Dh’fhuirich mi cian sàmhach; am fan mi gu bràth a’m’ thosd? an cum mi orm fein? Eighidh mi a mach mar mhnaoi ri saothair; le anail ghairid, agus a’ tarruing a stigh m’ analach le spairn. 15 Ni mi na sleibhtean agus na cnuic neo-thorthach; agus loisgidh mi suas am feur ata orra gu buileach: ni mi na h-aibhnichean ’nam fàsaichidh tiorma, ’s loisgidh mi suas na linneachan uisge. [TD 59] ISAIAH. CAIB. XLIII. 16 Stiuraidh mi na doill air slighe nach b’ aithne dhoibh; is trìd cheuman air nach robh iad eolach, bheir mi orra siubhal: tionndaidh mi dorchadas gu solus rompa; ’s na sligheachan garbha gu comhnard réidh. Na nithe so ni mi air an son, agus cha tréig mi iad. 17 Philleadh air an ais, nàraicheadh gu tur, iadsan ata deanamh buin as an iomhaigh shnaighte; ata ’g radh ris an iomhaigh leaghta, Is sibh ar Dé-ne! 18 Eisdibh, O mhuinntir bhodhar; agus a dhaoine dalla, seallaibh gu dil, a chum gu faiceadh sibh! 19 Cò tha dall ach m’ oglach-sa; agus bodhar, mar esan gus an do chuir mi mo theachdairean? Cò tha dall, mar esan a ta gu h-iomlan air a theagasg; agus bodhar, mar òglach Iehobhah? 20 Chunnaic thu gun amharus, ach cha’n ’eil thu toirt fanear, tha do chluasan fosgailte, gidheadh cha chluinn thu. 21 Gidheadh bha Iehobhah gràsmhor dha, air sgàth fhìrinne: dh’arduich e chliu fein, is rinn e glormhor e. 22 Ach is sluagh so a ta spùinnte, agus creachta: tha an òigridh thaghta gu leir air an glacadh anns na liontaibh, agus air an tilgeadh asios anns na slochdaibh dorcha: dh’ fhàs iad ’nan cobhartach, is cha robh neach ann d’ an tearnadh: ’nan creich, is cha d’thubhairt neach air bith, Thoir air ais. 23 Cò ’n ’ur measg a dh’ eisdeas ris so; a bheir aire, ’s a ghabhas suim dheth ’na dheigh so: 24 Cò thug Iacob mar chobhartach agus Israel do’n luchd-creachaidh? Nach b’e Iehobhah; Esan, a pheacaich iad ’na aghaidh, esan ’na shlighibh nach gluaiseadh iad; agus d’a reachd nach tugadh iad geill? 25 Air an aobhar sin dhòirt e mach orra teas a chorruich, dòrainn a’ chatha: agus dh’ fhadaidh e lasair mu’n cuairt da, gidheadh cha do chuir e’n suim i; agus chuir e teine ris, gidheadh cha d’ thug e fanear e. CAIB. XLIII. GIDHEADH a nis, mar so deir Iehobhah, a chruthaich thusa, O Iacoib; agus a dhealbh thusa, O Israeil: Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ ainm; is leamsa thu. 2 An uair a shiubhlas tu trìd nan uisgeachan, tha mise maille riut; agus trìd nan aibhnichean, cha d’thig an tuil tharad: an uair a choisicheas tu san teine, cha bhi thu air do losgadh; is cha dean an lasair greim ort. 3 Oir is mise Iehobhah, do Dhia; Ti naomha Israeil, d’fhear-saoruidh: thug mi ’n Eiphit air son d’éric; Cus agus Saba, ann a d’riochd. 4 A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh-sa, fhuair thu urram, is thug mise gràdh dhuit: Uime sin bheir mi daoine seachad a’ d’ riochd; is fineachan air son d’ anama. 5 Na biodh eagal ort-sa, oir tha mise maille riut: o’n Ear [TD 60] ISAIAH. CAIB. XLIII. bheir mi do chlann, agus o’n Iar cruinnichidh mi thu le cheile: 6 Their mi ris an Tuath, Thoir seachad; is ris an Deas, Na cum air ais: thoir mo mhic o chéin, agus mo nigheanan o chriochaibh na talmhainn: 7 Gach aon a ta air a ghairm air m’ ainm-sa, a chruthaich mi air son mo ghloire; a dhealbh mi, seadh a rinn mi. 8 Thoir a mach an sluagh, dall, ge d’ tha sùilean aca; agus bodhar, ge d’ tha cluasan aca. 9 Cruinnichear na cinnich uile le cheile, ’s biodh na slòigh air an tional. Cò ’nam measg a dh’fhoillsicheas so, agus a dh’ innseas duinn ciod a thig an toiseach gu crìch? Taisbeanadh iad am fianuisean, a chum gu biodh iad air am fireanachadh: no eisdeadh iad ’nan cuairt, is abradh iad, Tha so fior. 10 Is sibhse m’ fhianuisean-sa, deir Iehobhah, eadhon m’òglach, a’ roghnaich mi: a chum gu’n aithnicheadh agus gu creideadh sibh mi; agus gu tuigeadh sibh, gur mi Esan. Romham-sa cha robh dia sam bith air a dhealbh; agus a’ m’ dheigh cha bhi aon ann. 11 Is mise, eadhon mise Iehobhah; agus a mach uamsa cha’n ’eil slànui’-fhear sam bith ann. 12 Dh’ fhoillsich mise mo rùn, agus thearuinn mi: chuir mi ’n ceill e; ’s cha bu dia coimheach air bith ’n ’ur measg a bh’ ann: agus is sibhse m’ fhianuisean-sa, deir Iehobhah, gur mi Dia. 13 Eadhon mu’n robh aimsir ann, is mi E; is cha’n ’eil aon neach ann, a theasairgeas as mo laimh: oibrichidh mise; agus cò mhilleas an ni a rinn mi? 14 Mar so deir Iehobhah, ’ur fear-saoruidh, Ti naomha Israeil: Air ’urson-sa chuir mi gu Babilon; agus bheir mi nuas a croinn-dhruididh làidir gu leir; agus na Caldeanaich, luaghaireach ’nan longaibh. 15 Is mise Iehobhah, ’ur Ti naomha; cruith-fhear Israeil, ’ur righ. 16 Mar so deir Iehobhah; a rinn slighe anns an fhairge, agus rathad anns na mor-uisgeachaibh. 17 A thug a mach am marcach agus an t-each, an armailt agus an gaisgeach-cogaidh; le cheile luidh iad a sios, cha d’ eirich iad tuille; bha iad air an cur as, mhùchadh iad mar asgart: 18 Na cuimhnichibh na nithe bh’ ann roimhe; agus nithe nan linntean o shean na cuiribh an suim; 19 Feuch, nitheam-sa ni nuadh; eadhon a nis bristidh e mach: nach toir sibh fanear e? Seadh ni mi anns an fhàsaich slighe; anns an tìr neo-aitichte sruithean uisge. 20 Bheir fiadh-bheathach na machrach gloir dhomh-sa; na dragona, agus nigheana na h-oistrice; a chionn gu d’ thug mi uisgeacha san fhàsaich, agus sruithean saibhir anns an tìr neo-àitichte; a chum deoch a thoirt do m’ shluagh, do m’ mhuinntir thaghta! 21 An sluagh so, a dhealbh mi air mo shon fein, a chuireas an ceill mo chliu. 22 Ach cha do ghairm thus’ ormsa, O Iacoib; ni mo shaoithrich thus’ air mo shon, O Israeil. 23 Cha d’ thug thu do m’ ionnsuidh-sa uan do thabhairtais- [TD 61] ISAIAH. CAIB. XLIV. loisgte; ni mò thug thu urram dhomhsa le d’iobairtibh: cha do leag mi uallach ort le bhi ’g iarruidh thabhartas; ni mò a sgìthich mi thu le bhi ’g iarruidh tùise. 24 Cha do cheannuich thu air mo shon-sa le h-airgiod a’ chuilc chùbhraidh; ni mò lion thu mi le saill d’iobairtean. An àite sin shàruich thu mi le d’lochdaibh; sgìthich thu mi le d’dhò-bheartaibh. 25 Is mise, eadhon mise, Esan; dubham d’ ea-ceairtean a mach air mo sgàth fein; agus do lochdan cha chum mi air chuimhne. 26 Cuir am chuimhne do chùis-thagraidh: thugar breth oirn gu co-ionann: cuir an ceill do chùis fein, a chum thu fein a shaoradh. 27 Pheacaich d’ ard fhear-iuil; is chlaon do luchd-teagaisg gu mor uamsa; 28 Agus thruaill do mhaithean mo naomh-ionad: uime sin bheir mi Iacob seachad mar ni a thugadh thairis, agus Israel gu masladh. CAIB. XLIV. ACH eisd a nis, O Iacoib, m’ òglach; agus Israeil, a roghnaich mi: 2 Mar so deir Iehobhah, do chruith-fhear; agus esan a dhealbh thu o’n bhroinn, agus a chuidicheas tu: Na biodh eagal ort, O m’ òglach-sa, a Iacoib, agus a Iesuruin, a roghnaich mi: 3 Oir dòirtidh mi mach uisgeachan air an tartmhor; agus sruithean sgaoilteach air an fhearann chruaidh: dòirtidh mi mach mo spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil. 4 Agus fàsaidh iad a suas mar am fear am measg nan uisgeachan, mar na geuga seilich ri taobh nan sruth-chlaisean. 5 Their aon, Buinidh mise do Iehobhah; agus ainmichear aon eile air ainm Iacoib: agus scriobhaidh am fear so air a laimh do Iehobhah; agus sloinntear e air ainm Israeil. 6 ¶ Mar so deir Iehobhah, righ Israeil; agus fhear-saoruidh, Iehobhah Dia nan sluagh: Is mise an ceud neach, agus is mi an neach deireannach: agus a mach uamsa cha ’n ’eil Dia air bith ann. 7 Agus cò is cosmhuil riumsa, gu gairmeadh e mach an ni so, agus gu deanadh e aithnichte roi’ làimh e, ’s gun orduicheadh e air mo shon e, o’n am an do shuidhich mise sluagh na linn shonraichte? Na nithe ta nis a’ teachd, is a ta ri teachd ’na dheigh so, cuireadh iad an ceill duinn. 8 Na biodh eagal oirbh, ni mò bhios geilt oirbh: nach d’fhoillsich mis’ e dhuibh o’n tùs? Seadh, dh’fheuch mi dhuibh e roi’ laimh; agus is sibh m’ fhianuisean. Am bheil Dia ann ach mise? Seadh, fear-tearnaidh cinnteach air bith eile cha’n ’eil ann; cha’n aithne dhomhsa aon. 9 Iadsan a ta dealbh na h-iomhaigh shnaighte, is diomhanas iad uile; agus ’nan oibribh ro-innleachdach cha bhi aon tairbhe. Seadh, tha ’n oibre iad fein a’ togail fianuis doibh, nach ’eil iad a’ faicinn, agus nach ’eil iad a’ tuigsinn: 10 A chum gu biodh air gach aon nàire, gu do dhealbh e dia; agus gu do thilg e iomhaigh leaghta, anns nach ’eil tairbhe sam bith. 11 Feuch bidh a chompanaich [TD 62] ISAIAH. CAIB. XLIV. uile air an nàrachadh; eadhon air an luchd-oibre fein bidh rugha gruaidhe: cruinnichidh iad an t-iomlan diubh; taisbeanaidh iad iad fein; bidh eagal orra, ’s bidh iad air an nàrachadh le cheile. 12 Tha an gabhadh a’ gearradh dheth cuibhrinn iaruinn: tha e ’ga oibreachadh anns na h-eibhlibh, agus le h-ordaibh tha e ’ga chumadh; agus a’ leagail air spionnaidh a ghairdein. Seadh, tha e acrach, agus tha a neart ’ga threigsinn; cha’n ’eil e ’g òl uisg’ air bith, agus tha e fann. 13 Tha an saor a’sìneadh a mach a shreinge; tha e comharachadh a mach a chumachd le cloich-dhatha dheirg: tha e ’ga oibreachadh leis an inneal gheur; tha e ’ga dhealbh leis a ghabhal-roinn: tha e ’ga dheanamh do reir dreach duine; do reir maise dreach an duine, chum gu fanadh e san fhardaich. 4 Tha e gearradh a nuas sheudar air son fheuma: agus tha e gabhail a’ ghiumhais agus an daraich; is a’ cur a stigh stòir phailt do chrannaibh na frìdhe. Tha e suidheachadh an uinsinn, agus tha an t-uisge ’ga altrum; 15 A chum gu biodh e airson feum duine, airson connaidh: agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fein; seadh tha e teasachadh na h-àmhuinne leis, agus a’deasachadh arain: tha e mar an ceudna a’cumadh dé, agus a’ toirt da aoraidh: tha e deanamh dheth iomhaigh shnaighte, agus a’cromadh a sios d’i. 16 Cuid dheth tha e losgadh anns an teine; agus le cuid eile dheth tha e deasachadh feola, ’s ’ga h-itheadh: tha e ròstadh bìdh, agus tha e air a shàsuchadh; tha e fos ’ga gharadh fein, agus ag radh: Aha! tha mi air mo gharadh, mheal mi an teine: 17 Agus do’n chuid eile dheth ni e dia, eadhon a dhealbh snaighte; tha e cromadh asios d’a, ’s a toirt d’a aoraidh; agus tha e deanamh urnaigh ris, agus ag radh; Saor mi, oir is tu mo Dhia! 18 Cha’n ’eil eolas aca, ni mò tha iad a’ tuigsinn: gu deimhin tha’n sùilean air an druideadh a suas air chor as nach faic iad; agus an cridhe air chor as nach tuig iad gu ceart: 19 Ni mò tha e toirt fanear ’na chridhe; ni mò tha eolas aige, no tuigse, gu radh: Cuid dheth loisg mi san teine; dheasaich mi mar an ceudna aran air eibhlibh dheth; ròist mi fòs feoil, agus dh’ith mi: agus an dean mi am fuigheall ’na ghràinealachd? an sleuchd mi mi fein asios do bhun craoibhe. 20 Tha e teachd beo air luaithre; tha cridhe meallta ’ga tharruing a thaoibh; air chor as nach ’eil e’n comas da anam fein a shaoradh, no a radh, Nach ’eil breug ann am làimh dheis? 21 Cuimhnich na nithe so, O Iacoib; agus Israeil; oir is tu m’òglach: dhealbh mi thu; is seirbhiseach dhomhsa thu; O Israeil, leamsa cha leigear thu air di-chuimhn. 22 Thug mi air d’ea-ceairtean dol as an t-sealladh mar neul; agus air do lochdan mar cheo: Pill riumsa; oir rinn mi do shaoradh. 23 ¶ Seinnibh, O a neamha, oir thug Iehobhah gu crìch e; togaibh fuaim aoibhneach, O dhoimhneachda na talmhainn: [TD 63] ISAIAH. CAIB. XLV. bristibh a mach le ceileir, O shleibhtean; thusa a dhoire, ’s gach craobh a t’ ann! Oir rinn Iehobhah Iacob a shaoradh; is bidh e air a ghlorachadh ann an Israel. 24 Mar so deir Iehobhah d’ fhear-saoruidh, esan a dhealbh thu o’n bhroinn: Is mise Iehobhah; cruith-fhear nan uile nithe: a ta sìneadh nan neamha a mach am aonar; ata sgaoileadh an talaimh shocraich leam fein. 25 Is mis’ Esan, a bheir gu neo-ni fiosachd nam mealltairean; agus a chuireas na fiosaichean air chuthach; a thilgeas bun os cionn innleachdan nan daoine seolta: ’s a thionndas an eolas gu amaideachd: 26 A dhaighnicheas focal a sheirbhisich; agus a choilionas comhairl’ a theachdairean: a deir ri Ierusalem, Bithidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtibh Iudah, Bithidh sibhs’ air ’ur togail; agus a h-ionadan fàsail togaidh mis’ an aird a rìs: 27 A deir ris an doimhne, Bi air do chaitheamh; agus ni mise d’aibhnichean tioram: 28 A deir ri Cirus, Is tu mo bhuachaille! Agus coilionaidh e mu thoil uile: a deir ri Ierusalem, Bithidh tu air do thogail; agus ris an teampull, Suidhichear do stéidh. CAIB. XLV. MAR so deir Iehobhah r’a aon ungta, ri Cirus air am bheil greim daingean agam air an làimh dheis: a chum gu ceannsuichinn cinnich roimhe; agus gu fuasglainn leasraidh righrean: a chum gu fosglainn roimhe na comhlachan: is cha bhi na mor-dhorsan air an druideadh. 2 Theid mis’ air thoiseach ort; is ni mi na sleibhtean comhnard: na comhlaichean umha bristidh mi ’nam bloighdibh; agus na croinn iaruinn gearraidh mi sios. 3 Agus bheir mi dhuit ionnasan an dorchadais, agus na taisgeacha air am folach domhainn ann an ionadaibh diomhair: a chum gu biodh fios agad gur mise Iehobhah; esan a ghairm thu air d’ainm, Dia Israeil. 4 Air sgàth m’òglaich Iacoib; agus Israeil, mu roghainn; rinn mi eadhon do ghairm air d’ ainm; thug mi dhuit sloinneadh, ge nach aithne dhuitse mi. 5 Is mise Iehobhah, ’s cha’n ’eil ann ach mi; a mach uamsa cha’n ’eil Dia air bith ann: crioslaichidh mi thusa, ge d’nach b’aithne dhuit mi. 6 A chum gu biodh fios aca, o eirigh na greine, agus o’n Iar, nach ’eil aon air bith ann ach Mi. Is mise Iehobhah, ’s cha’n ’eil ann ach mi; 7 A ta dealbh an t-soluis, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’deanamh sìth, agus a’ cruthachadh dòlais: is mise Iehobhah ùghdar nan nithe so uile. 8 Silibh a nuas, O a neamha, an drùchd o na h-ardaibh; agus frasadh na neoil anuas fireantachd: fosgladh an talamh uchd, is thugadh slàinte seachad a toradh; agus cuireadh ceartas a mach maraon a blàth: mise Iehobhah chruthaich e. 9 ¶ Mo thruaighe esan a ni strì ris a’ chumhachd a dhealbh e; an t-slige thalmhainn ri fear-deilbh na creadha! An abair a’chrè ris a chrèadhadoir, Ciod [TD 64] ISAIAH. CAIB. XLV. a tha thu deanamh? agus ris an fhear-oibre, Tha thu gun làmhan! 10 Mo thruaighe esan, a ta ’g radh r’a athair Ciod, a tha thu gin tein? agus r’a mhathair, Ciod a tha thu a’ breith? 11 Mar so deir Iehobhah, Ti naomha Israeil; agus esan a dhealbhas na nithe tha ri teachd: Am bheil sibh a’ cur ceist orm-sa do thaobh mo chloinne? ’s am bheil sibh a’ toirt seolanna dhomh mu thimchioll oibre mo làmh? 12 Rinn mise ’n talamh; agus an duine ta air chruthaich mi: mo làmhan shìn a mach na neamha: agus da’m feachd uile thug mi àithne: 13 Thog mi esan a suas ann am fireatachd, is ni mi comhnard uile shlighean. Togaidh e mo chaithir, agus fuasglaidh e mo bhraighdean; cha’n ann airson luach, no airson duaise: deir Iehobhah Dia nan sluagh. 14 Mar so deir Iehobhah: Saibhreas na h-Eiphit, agus malairt Chuis, agus na Sabeanaich ard ’nan cruth, thig thairis do d’ionnsuidh agus dhuit buinidh iad: leanaidh iad thu; ann an cuibhrichibh siubhlaidh iad leat; cromaidh iad a sios duit, is cuiridh iad a suas riut an achuinge: annad-sa mhàin tha Dia: is Dia sam bith eile cha’n ’eil ann. 15 Gu demhin, is Dia thusa dh’fholuicheas do chomhairlean, O Dhia Israeil, an slànui’-fhear! 16 Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, a naimhdean, an t-iomlan diubh; le cheile tha iad a’ pilleadh air an ais le h-amhluadh, luchd-deanaimh nan dealbhan. 17 Ach bidh Israel air a shaoradh ann an Iehobhah le slàinte shiorruith: cha nàraichear sibh, ni mò mhaslaichear sibh gu saoghal nan saoghal. 18 Oir mar so deir Iehobhah; a chruthaich na neamha; Is Esan Dia: a dhealbh an talamh, agus a rinn e; dhaighnich esan e! Cha do chruthaich e gu diomhain e; oir dhealbh e chum bhi air àiteachadh e: Is mise Iehobhah, ’s chan ’eil ann ach mi. 19 Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha do’n talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iacoib, Iarruibh mise gu diomhain: is mise Iehobhah a labhras firinn: a bheir freagradh dìreach seachad. 20 Cruinnichibh sibh fein le cheile, agus thigibh; cruinnichibh sibh fein le cheile, sibhse ta air dol as o mheasg nan cinneach. Cha’n ’eil eolas air bith aca-san, a ta giulan mu ’n cuairt an fhiodha, a shnaigh iad fein: a ta deanamh urnaigh ri dia nach urradh tearnadh. 21 Craobh-sgaoil a mach e, ’s thoir orra teachd dlù; agus gabhadh iad comhairle le cheile: Cò rinn so aithnichte fada roi’ làimh, a chuir an ceill e o’n toiseach? nach mise, Iehobhah, ’s gun Dia eile ann ach mi? Dia a labhras firinn, agus a dheonuicheas slàinte; cha’n ’eil aon air bith ann ach mi? 22 Seallaibh riumsa, ’s bithibh air ’ur tearnadh, O uile fhineacha iomallach na talmhainn; oir is mise Dia, ’s cha’n ’eil aon air bith ann ach mi. 23 Orm fein mhionnaich mi; chaidh firinn a mach o’m bheul; am focal, agus cha ghairmear air ais e: gu cinnteach dhomhsa [TD 65] ISAIAH. CAIB. XLVI. XLVII. lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga: 24 Ag radh, Do Iehobhah a mhàin buinidh slàinte agus cumhachd: d’a ionnsuidh-san thig iad, bidh iad air an nàrachadh, na h-uile air am bheil corruich ’na aghaidh. 25 Ann an Iehobhah fireanaichear, agus ni an uaill, uile shliochd Israeil. CAIB. XLVI. THA Bel a’ cromadh a sios, Nebo a’ crùbadh; tha an iodholan air an leagadh air na beathaichean is air na h-ainmhidhean: tha’n uallaichean trom, cudrom searbh do’n ainmhidh airsnealach. 2 Chrùb iad, chrom iad a sios le cheile: cha b’ urradh iad an uallach fein a thearnadh; tha eadhon iad fein air siubhal air falbh ann am braighdeanas. 3 Thugaibh aire dhomh, O thigh Iacoib; agus sibhs’ uile ta mairionn do theaghlach Israeil: sibhse bha air ’ur giulan leam o’r breith; a bha air ’ur n-iomachar o’n bhroinn. 4 Agus eadhon gu’r sean aois, is mi an ti ceudna; agus eadhon gu’r falt liath ni mi bhur giulan; rinn mi, agus giulainidh mi; iomachairidh mi, agus tearnaidh mi sibh. 5 Co ris a shamhlaicheas sibh mise, ’s ris an dean sibh mo choimeas? agus co ris a ni sibh mo cho-fhad, a chum gu biodhmaid cosmhuil? 6 Sibhse ta taomadh òir a mach as a’ mhàladh; is a’ tomhas airgid anns a’ mheigh. Tha iad a’ fastadh òr-cheaird, is tha esan ’ga dheanamh ’na dhia: tha iad a’ toirt aoraidh dha; seadh tha iad ’gan sleuchdadh fein ’na làthair. 7 Tha iad ’ga ghiulan air an guaillibh; tha iad ’ga iomachar mu’n cuairt; tha iad ’ga chur a sios ’na àite, ’s tha e seasamh: as ionad cha ghluais e; dhasan a ghlaodhas ris cha toir e freagradh: ni mò ni e shaoradh o a theinn. 8 Cuimhnichibh so, agus nochdaibh sibh fein duineil: smaoinichibh air gu domhain, O sibhs’ a chùl-sleamhnaich. 9 Cuimhnichibh na ceud nithe, san aimsir o shean: gu deimhin is mise Dia, ’s cha neach eile; is mi Dia, ’s cha’n ’eil mi sam bith ann cosmhuil rium. 10 O’n tùs a’ foillseachadh na crìche; ’s o aimsiribh moch na nithe nach ’eil fathasd deanta; ag radh, Mo chomhairle seasaidh, agus ciod air bith a thoilich mi, bheir mi gu crìch. 11 A’ gairm na h-iolarach o’n Ear; agus o thalamh fad as, fear mo chomairle: amhuil a labhair mi, mar sin bheir mi gu crìch e; dhealbh mi an gnothach, agus bheir mi gu buil e. 12 Eisdibh rium, O sibhs’ aig am bheil an cridhe rag; sibhse ta fad as o thearnadh: 13 Bheir mis’ am fagus an tearnadh a gheall mi, cha bhi e fad as; agus cha chuirear moille ann am shlàinte. Agus bheir mi ann an Sion slàinte; do Israel bheir mi mo ghloir. CAIB. XLVII. THIG a nuas, is dean suidhe air an duslach, O òigh-nighean Bhabiloin; suidh air an làr lom gun rì-chathair air bith, O a nighean nan Caldeanach: [TD 66] ISAIAH. CAIB. XLVII. oir cha’n abrar riut ni ’s mò an seasgair, agus an t-àillidh. 2 Glac am muileann, agus meil an gràn: rùisg do chiabhan, leig ris d’fhalt sgaoilteach; rùisg do chas; imich trìd nan aibhnichean. 3 Theid do lomnochd a leigeadh ris; chithear eadhon do nàire: gabhaidh mise làn-dhioghaltas; ni mò dh’ fhuilingeas mi duine gu eadar-ghuidhe rium. 4 Ar fear-aichbheil, Iehobhah Dia nan sluagh, Ti naomha Israeil, is e ainm! 5 Suidh thusa gu tosdach; imich gu dorchadas, O a nighean nan Caldeanach; oir cha’n abrar riut ni ’s mò bain-tighearna nan rioghachdan. 6 Bha corruich orm ri m’ shluagh; mhi-naomhaich mi m’ oighreachd; agus thug mi thairis iad do d’làimh-sa: cha do nochd thusa trocair dhoibh; eadhon air an aosda thruimich thu gu mor cudrom do chuinge. 7 Agus thubhairt thu, Bithidh mi am bhain-tighearna gu siorruith: a chionn nach d’thug thu gu faicilleach fanear na nithe so; cha do smaoinich thu ciod, anns a’ chrìch, a bha ri tachairt duit. 8 Ach eisd a nis so, O thusa ta sòghmhor, a ta d’shuidhe ann an tearuinteachd: thusa ta ’g radh ann a d’chridhe, Tha mi, ’s cha’n ’eil ann ach mi; cha suidh mi am bhantraich; cha bhi fios agam air call cloinne. 9 Gidheadh thig an da ni so ort ann an tiota, ann an aon latha, call cloinne, agus bantrachas: ann an gradaig thig iad ort, gun bhi air am bacadh le lion-mhoireachd do dhruidheachdan, no le cumhachd mor do ghisreagan. 10 Ach dh’ earb thu a d’aingeachd, agus thubhairt thu, Cha’n ’eil aon ’gam fhaicinn: chlaon do ghliocas agus d’ eolas d’inntinn a thaoibh, air chor as gu dubhairt thu ann a d’chridhe, Tha mi, agus cha’n ’eil ann ach mi. 11 Air an aobhar sin thig olc ort, nach bi fios agad cionnus a sheunas tu e; agus tuitidh aimhleas ort nach bi thu comasach air a dhioladh, agus thig leir-chreach ort gu h-obann, gun mhothachadh air bith agad m’ a timchioll. 12 Buanaich a nis ann a d’ ghisreagaibh, is ann an lionmhoireachd do dhruidheachdan, anns an do shaoithrich thu o d’òige: le teagamh gu faigh thu buannachd, gu bi thu air do neartachadh d’an trìd. 13 Tha thu air do sgìtheachadh ann an lionmhoireachd do chomhairlean; seasadh iad a suas a nis, is tearnadh iad thu; luchd-sealltuinn nan neamha, iadsan a ta ’g amharc gu dil air na reulta; iadsan a ta ri fiosachd air gach aon ghealaich ùir, ciod iad na nithe tha ri tachairt duit. 14 Feuch bithidh iad mar asbhuain; loisgidh an teine suas iad: cha tearuinn iad an anama fein o chumhachd na lasrach; uiread as eibhleag gu aon a gharadh, uiread as teine gu suidhe làimh ris, cha bhi air fhàgail diubh. 15 Is amhuil a bhios iad so dhuitse, leis an do shaoithrich thu; do luchd-ghnothaichean, ris an robh gnothach agad o d’òige: tionndaidh gach aon a leth-taobh gu ghnothach fein; cha tearuinn aon neach thusa. [TD 67] ISAIAH. CAIB. XLVIII. CAIB. XLVIII. EISD so, O thigh Iacoib; sibhse ta air ’ur n-ainmeachadh air ainm Israeil: Sibhse ta sruthadh o thobar Iudah; sibhse ta mionnachadh air ainm Iehobhah, ’s ag aideachadh gu follasach Dhia Israeil; ach cha’n ann an treibh-dhireas, no ann am firinn. 2 A ta gabhail an ainm o’n Chaithir naomha, ’s a deanamh an cul-taice do Dhia Israeil; Iehobhah Dia nan sluagh is e ainm: 3 Na ceud nithe dh’fheuch mi dhuibh o’n tùs; agus o ’m bheul thainig iad, agus chuir mi ’n ceill iad: ann an ath-ghairid rinn mi iad, is thainig iad gu crìch. 4 A chionn gu robh fios agam gu robh thu ain-dheonach, is gu robh do mhuineal mar fhèitheadh iaruinn, agus gu robh d’eudann ’na umha: 5 Uime sin dh’fheuch mi dhuit iad o ’n tùs; mun d-thigeadh iad gu crìch, thug mi ort an cluinntinn: mun abradh tu, Is e m’ iodhol a thug mu ’n cuairt iad; agus m’ iomhaigh shnaighte agus leaghta stiur iad. 6 Chuala tu e roi’ làimh; feuch, tha ’n t-iomlan air a choilionadh; agus nach aidich sibh gu follasach so? O’n am so bheir mi ort nithe nuadh a chluinntinn, a ghleidheadh diomhair gu ruige so, ’s air nach robh agad a bheag do eolas: 7 Tha iad air an taisbeanadh a nis, agus cha’n ann o shean; agus roi’ an latha so cha chuala tu iad: mun abradh tu, Feuch! bha fios agam orra. 8 Seadh, cha chuala tu, cha b’ aithne dhuit; seadh, o’n toiseach cha d’ fhosgladh do chluas gu’n gabhail a steach: oir bha fios agam, gu deimhin gu buineadh tu gu cealgach, agus gu b’e Cùl-sleamhnach d’ ainm o d’ bhreith. 9 Air sgàth m’ ainme cuiridh mi dàil ann am chorruich; agus air sgàth mo chliu gleidhidh mi air ais i uaitse, air chor as nach gearr mi thu as gu buileach. 10 Feuch, ghlan mi thu san teine, ach cha’n ann mar airgiod; dhearbh mi thu ann am fuirneis an àmhghair. 11 Air mo sgàth fein ni mi e; oir cionnus a bhiodh m’ ainm air a mhaslachadh? Agus mo ghloir cha toir mi do neach eile. 12 Thoir aire dhomh, O Iacoib, m’ òglach; agus Israeil, a ghairm mi. Is mi Esan; is mi an ceud neach, agus is mi an neach deireannach: 13 Seadh leag mo làmh stéidh na talmhainn; agus thomhais mo làmh dheas le réis na neamha: bheir mi gairm dhoibh; tha iad ’gan taisbeanadh fein le cheile. 14 Cruinnichibh sibh fein le cheile, an t-iomlan dibh, agus eisdibh: cò ’nur measg a dh’innis roi’ làimh na nithe so? Esan d’an d’thug Iehobhah spéis, cuiridh an gniomh a thoil air Babilon, agus a chumhachd air na Caldeanaich. 15 Mise, eadhon mise, labhair; seadh ghairm mis ’e: thug mi leam e, agus soirbhichidh a shlighe. 16 Dlùthaichibh riumsa, agus eisdibh so: o’n toiseach cha do labhair mi ann an uaigneas: roimh an am san do thionsgain e air bith, dh’orduich mis’ e. A nis chuir an Tighearna Iehobhah mach mise, agus a Spiorad. [TD 68] ISAIAH. CAIB. XLIX. 17 ¶ Mar so deir Iehobhah d’ fhear-saoruidh, Ti naomha Israeil: Is mise Iehobhah do Dhia; a ta teagasg dhuit ciod a thig gu d’bhuannachd a ta ga d’stiuradh anns an t-slighe san còir dhuit gluasad. 18 O gu tugadh tu fanear m’ aitheanta-sa! An sin bhiodh do shoirbheachadh mar an Abhainn; agus do shonas mar thuiltean na fairge: 19 Agus bhiodh do shliochd mar a’ ghaineamh; agus siol do chuim mar shiol a cuim-sa: cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair-sa. 20 Thigibhse mach o Bhabilon; teichibh o thìr nan Caldeanach le guth gairdeachais: foillsichibh so, agus thugaibh fanear gu cluinnear e; cuiribh an ceill e eadhon gu crìch na talmhainn: Abraibh; Shaor Iehobhah òglach Iacob. 21 Cha robh tart orra anns na fàsaichibh, trìd an d’thug e orra imeachd; thug e air uisgeachan o’n charraig sruthadh air an son; seadh sgoilt e chreag, agus a mach bhrùchd na h-uisgeachan. 22 Cha ’n eil sìth sam bith, deir Iehobhah, do ’n mhuinntir aingidh. CAIB. XLIX. THUGAIBH aire dhomh, O dhùchanna fad as, agus fhineacha, thugaibh fanear o chéin. Iehobhah o’n bhroinn ghairm mise; o chom mo mhathar thug e luadh air m’ ainm. 2 Agus rinn e mo bheul ’na chlaidheamh geur, ann an sgàil’ a laimhe dh’fholaich e mi: seadh rinn e gath liomhaidh dhiom; thaisg e suas mi ’na dhorlach: 3 Agus thuirt e rium, Is tu m’ oglach; Israeil, anns am bi mi air mo ghlorachadh. 4 Agus thuirt mise: Shaoithrich mi gu diomhain; air son neo-ni, ’s air son diomhanais, chaith mi mo neart: gidheadh tha mo chùis maille ri Iehobhah; agus duais m’ oibre maille ri m’ Dhia. 5 Agus a nis mar so deir Iehobhah, (a dhealbh mi o’n bhroinn gu bhi ann am òglach dha, a thoirt Iacoib air ais d’a ionnsuidh, is a chum gu biodh Israeil air a chruinneachadh chuige: uime sin tha mi glormhor ann an sùilibh Iehobhah, agus is e mo Dhia mo threise:) 6 Is ni suarach dhuitse, gu bitheadh tu a’ d’ òglach dhomhsa, chum meanganan Iacoib a a thogail a suas, agus a dh’aiseag air an ais gheugan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholus do na cinnich, gu bhi ann a d’ shlàinte uamsa gu crìch na talmhainn. 7 ¶ Mar so deir Iehobhah, fear-saoruidh Israeil, a Thi naomha; risan a ta gun mheas ’na phearsa, air am bheil an cinneach ag amharc le gràin; ri iochdaran nam fear-riaghlaidh: chi righrean e, agus eiridh iad a suas; uachdarain, is bheir iad dha aoradh: air sgàth Iehobhah, a ta dìleas; Ti naomha Israeil, oir roghnaich esan thu. 8 Mar so deir Iehobhah: Anns an am thaitneach chuala mi thu, ’s ann an latha na slainte chuidich mi thu; agus tearnaidh mi thu, ’s bheir mi thu mar cho-cheangal do’n t-sluagh; a thoirt air ais an fhearainn, a thoirt seilbh air na h-oighreachdan fàsail. 9 Ag radh riu-san a ta cuibh- [TD 69] ISAIAH. CAIB. XLIX. richte, Rachaibh a mach; agus ris a’ mhuinntir a ta ’n dorchadas, Thigibh an sealladh: ionaltraidh iad air taobh nan sligheachan; agus air na cruachaibh uile bithidh an àilein. 10 Cha bhi acras orra, ni mò a bhios tart orra; ni mò bhuaileas an ro-theas no ghrian iad: oir esan, aig am bheil iochd orra, stiuraidh iad; agus treoruichidh iad gus na beo-shruithean uisge. 11 Agus ni mi mo shleibhtean uile ’nan slighe chomhnaird; is bidh mo ròide deanta air an togail gu h-ard. 12 Feuch! thig iad so astar cian; agus feuch! iad so o’n Tuath agus o’n Iar; is iad so o thìr Shinim. 13 Seinnibh gu h-ard, O neamha, ’s dean gairdeachas, O thalaimh; togaibhs’ a shleibhtean, a suas ’ur n-iolach: oir thug Iehobhah co-fhurtachd d’a shluagh, is ni e iochd air a dhaoine claoidhte. 14 Ach tha Sion ag radh: Threig Iehobhah mise; ’s rinn mo Thighearna mo dhi-chuimhneachadh. 15 Am feud mathair maothran a brollaich a dhi-chuimhneachadh; ’s gun truacantachd air bith a bhi aice do mhac a cuim? Feudaidh eadhon iad so di-chuimhneachadh; ach cha di-chuimhnich mis’ thusa. 16 Feuch, air dearnaibh mo làmh ghearr mi thu: tha do bhallachan ann am fhianuis an comhnuidh. 17 Iadsan a sgrios thu, ni gu gairid do thogail: agus iadsan a chuir fàs thu, bithidh ’nan sliochd dhuit. 18 Tog suas do shùilean mu ’n cuairt, agus faic; tha iad so uile air an cruinneachadh le cheile, tha iad a’ teachd do d’ionnsuidh. Mar is beo mise, deir Iehobhah, ni thu gu deimhin thu fein a sgeadachadh leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar bhean-bainns’ a seudan. 19 Oir d’ ionadan fàsail agus faondrach, is d’ fhearann a rinneadh ’na làraich sgaoilte; eadhon a nis bidh e air a dhomhlachadh le luchd-àiteachaidh; agus iadsan, a shluig a suas thu, cuirear uait am fad. 20 Na mic, o’n robh thu air do sgaradh, their fathasd ann a d’chluasaibh: Tha an t-ionad so tuille ’s cungann air mo shon; dean àit air mo shon, a chum as gu gabhainn comhnuidh. 21 Agus their thu ann a d’chridhe: Cò ghin dhomh iad so? Bha mi air mo sgaradh o ’m chloinn, is air m’ fhàgail ann am aonar; am fhogarach, agus am dhiobarach; cò ma ta dh’àraich iad so a suas? Feuch! threigeadh mi, is dh’fhàgadh mi ann am aonar; iad so ma ta, c’ àit an robh iad? 22 Mar so deir an Tighearna Iehobhah: Feuch, togaidh mise mo làmh a suas ris na cinnich; is ris na slòigh cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad chugad do mhic ’nan uchd, is bidh do nigheanan air an giulan air an gualainn: 23 Agus bidh righrean ’nan oideachan-altruim dhuit, agus ’nam maithrichean-altruim dhuit bithidh am ban-righinean: le ’n aghaidh ris an talamh sleuchdaidh iad a sios duit, is imlichidh iad duslach do chas. Agus aithnichidh tu gur mise Iehobhah; agus [TD 70] ISAIAH. CAIB. L. iadsan a chuireas an dòchas annsan, nach cuirear iad gu nàire. 24 An toirear a’ chreach air falbh o’n chumhachdach? no ’n spìonar air ais an cobhartach a ghlacadh leis an uabhasach? 25 Seadh, mar so deir Iehobhah; eadhon creach a’ chumhachdaich bheirear air a h-ais agus an cobhartach a ghlacadh leis an uabhasach, spìonar uaith: oir ris a’ mhuinntir a ta cathachadh riutsa, cathaichidh mise; ’s do chlann ni mi shaoradh. 26 Agus sàthaichidh mi do luchd-sàruchaidh le’m feoil fein; agus le ’m fuil fein, mar le fion nuadh, lionaidh mi iad: agus aithnichidh na h-uile fheoil, gur mise Iehobhah do shlànui’-fhear; is gur e d’ fhear-saoruidh Ti cumhachdach Iacoib. CAIB. L. MAR so deir Iehobhah: C’ àit am bheil an litir-dhealachaidh so bhur mathar, leis an do chuir mise uam i? No cò esan am measg mo luchd-fiacha, ris an do reic mi sibh? Feuch air son ’ur n-aingeachdan tha sibh air ’ur reiceadh; agus air son ’ur n-ea-ceairtean chuireadh air falbh ’ur mathair. 2 C’ ar son a thainig mi, ’s gun aon fhear ann? a ghairm mi, ’s cha d’ thug aon neach freagradh? Am bheil ma ta mo làmhsa air a deanamh co ro-ghairid is nach urradh mi saoradh? is am bheil mi gun chumhachd air bith agam gu tearnadh? Feuch, le m’ achasan ni mi ’n fhairge tioram; ni mi na h-aibhnichean ’nam fàsaich: tha ’n iasg air a thiormachadh a suas, a chionn nach ’eil uisg’ air bith ann; agus a’ bàsachadh as le tart. 3 Eideamsa na neamha le dubh-dhorchadas; is cuiridh mi umpa eudach-saic mar bhrat-folaich. 4 Thug an Tighearna Iehobhah dhomhsa teanga na muinntir fhoghluimte; a chum gu b’ aithne dhomh focal a labhairt ann an deadh am ris an neach tha airsnealach. Tha e dùsgadh, madainn an deigh maidne, tha e dùsgadh mo chluaise, gu eisdeachd le furachras fir-ionnsachaidh. 5 An Tighearna Iehobhah dh’fhosgail mo chluas; agus cha robh mi ceannairceach; ni mò tharruing mi mi fein air m’ ais. 6 Thug mi mo dhruim do’n luchd-bualaidh, agus mo ghialan dhoibhsan a spion air falbh am falt: mo ghnùis cha d’fholuich mi o nàire, agus o sheileadh. 7 Oir is e’n Triath Iehobhah fear mo chuideachaidh; air an aobhar sin cha’n ’eil mi air mo nàrachadh. Air an aobhar sin chuir mi mo ghnùis mar chloich-theine; ’s tha fios agam nach cuirear mi gu h-amhluadh. 8 Tha esan a dh’fhireanaicheas mi dlù do laimh: Cò esan a ni strì rium? Seasamaid a mach le cheile; cò e m’ eas-caraid? thigeadh e air aghaidh chum a chomhraig. 9 Feuch, is e ’n Triath Iehobhah fear-tagraidh mo chùise; cò esan a ni mo dhìteadh? Feuch! fasaidh iad uile sean mar thrusgan; ithidh an leomann a suas iad. 10 Cò esan ann ’ur measg, air am bheil eagal Iehobhah? eisdeadh esan ri guth a sheirbhisich: cò a ta gluasad ann an dorchadas, agus aig nach ’eil solus air bith? [TD 71] ISAIAH. CAIB. LI. earbadh esan a h-ainm Iehobhah; agus socruicheadh e e fein air cultaic a Dhia. 11 Feuch, sibhse uile ta fadadh teine; a ta carnadh a’ chonnaidh mu’n cuairt: siubhlaibhse ann an solus ’ur teine, agus a’ chonnaidh a rinn sibh fhadadh. An ni so gheibh sibh o m’ làimh-sa; luidhidh sibh a sios ann an doilghios. CAIB. LI. THUGAIBH aire dhomh, sibhse ta leantuinn fireantachd, sibhse ta ’g iarruidh Iehobhah: seallaibh ris a’charraig, o’n do ghearradh a mach sibh, agus ri slochd na h-uaimhe o’n deachaidh ’ur cladhachadh. 2 Seallaibh ri Abraham ’ur n-athair; agus ri Sarah a rug sibh: oir ghairm mis’ e, ’nuair nach robh aige ach e fein, agus bheannuich mi e, ’s rinn mi lionmhor e. 3 Mar so air an aobhar sin, bheir Iehobhah co-fhurtachd do Shion; bheir e co-fhurtachd d’a h-uile leir-sgrios: agus ni e a fàsach mar Eden; agus a h-ionad faondrach mar ghàrradh Iehobhah: gairdeachas agus aoibhneas gheibhear innte; buidheachas, agus guth binne-cheileir. 4 Eisdibh rium, O phoibleacha; agus thugaibh aire dhomh, O chinneacha: oir an reachd thig a mach uamsa; agus air mo bhreitheanas bheir mi bristeadh amach airson soluis do na slòigh. 5 Tha m’ fhireantachd aig làimh; mo shlàinte dol a mach; is bheir mo ghairdean seachad breitheanas do na fineachaibh: riumsa bidh dùil aig na dùchanna fad as; agus ri m’ ghairdein seallaidh iad le làn-earbsa. 6 Togaibh a suas ris na neamha ’ur sùilean; is amhaircibh a sios air an talamh fodhaibh; gu deimhin sgaoilear na neamha as a cheile, mar dheataich; agus fàsaidh an talamh sean, mar thrusgan; agus a luchd-àiteachaidh theid am mugha, mar a’ chnuimh a’s suaraiche: ach mo shlàinte-sa mairidh gu siorruith; agus m’ fhireantachd cha searg as. 7 Thugaibh aire dhomh, sibhse ta eolach air fireantachd; a shluagh, aig am bheil mo reachd ann ’ur cridhe: na biodh eagal oirbh roi’ mhasladh duine thruaigh; agus na tilgear asios sibh airson an càineidh. 8 Oir caithidh an leomann iad, amhuil trusgan; is ithidh a’ chnuimh iad, mar olainn: ach m’ fhireantachd-sa mairidh gu siorruith; agus mo shlàinte gu linn nan linntean. 9 ¶ Dùisg, dùisg, éid thu fein le cumhachd, O ghairdein Iehobhah! Dùisg, mar anns na laithibh o shean, na ginealachaibh o chian. Nach tus’ an ti ceudna bhuail Rahab, a lot an dragon? 10 Nach tu an ti ceudna thiormaich asuas an fhairge, uisgeachan na doimhne moire? a rinn doimhneachdan na fairge ’nan slighe do’n mhuinntir shaorta gu siubhal roimpe; 11 Mar so pillidh muinntir shaorta Iehobhah, agus thig iad gu Sion le ard-iolaich: Agus bidh aoibhneas bith-bhuan mar chrùn air an ceannaibh; aoibhneas agus gairdeachas gheibh [TD 72] ISAIAH. CAIB. LII. iad, is bròn agus osnaigh teichidh air falbh. 12 Is mise, eadhon mise, an ti bheir dhuibh co-fhurtachd: Cò thusa, gu biodh eagal ort roi’ dhuine truagh, a gheibh bàs; agus roi’mhac an duine, dh’fhàsas mar am feur? 13 Agus gu di-chuimhnicheadh tu Iehobhah do chruith-fhear, a shìn a mach na neamha, ’s a leag stéidh na talmhainn; agus gu biodh tu gach là ann am buan eagal, airson corruich an fhir-shàruchaidh, mar gu biodh Esan ceart ullamh gu sgrios: agus c’àit a nis am bheil corruich an fhir-shàruchaidh? 14 Tha Esan a’ siubhal le deifir, a ta teachd a chur a phriosunaich air sgaoil; a chum nach faigh e bàs anns a’ phriosun, agus nach failnich aran. 15 Oir is mise Iehobhah do Dhia-sa; Esan a ni ciuin gu grad an fhairge, ge d’bheuc a tonnan: Iehobhah Dia nan sluagh is e ainm. 16 Chuir mise mo bhriathran ann a d’bheul; is le sgàile mo làimhe dh’ fholaich mi thu: a sgaoileadh amach nan neamha, ’s a shuidheachadh stéidh na talmhainn; agus a radh ri Sion, Is tu mo phobull. 17 Dùisg thu fein, dùisg thu fein a suas; eirich, O Ierusaleim! a dh’òl o laimh Iehobhah cuach a chorruich: deisgeanan cuaiche na ball-chrith dh’òl thu, dh’fhàisg thu mach iad. 18 Cha’n ’eil aon ann d’a stiuradh, do na h-uile mhacaibh a rug i; ni mò tha aon d’a cumail asuas air laimh, do na h-uile mhacaibh a dh’oil i. 19 An dà ni so thachair dhuit; cò ni do chaoidh? lom-chreach agus leir-sgrios; a’ ghort agus an claidheamh; cò bheir dhuit co-fhurtachd? 20 Tha do mhic làn uabhais; tha iad air an tilgeadh asios; aig ceann nan uile shràidean, mar tharbh fiadhaich air a ghlacadh anns na liontaibh; air an lionadh dearbh-làn le corruich Iehobhah, le achasan do Dhia. 21 Air an aobhar sin cluinn a nis an ni so, O a nighean chlaoidhte; agus thusa a ta air mhisg, ach cha’n an le fion. 22 Mar so deir do Thighearna Iehobhah; agus do Dhia, a dhìolas cùis a shluaigh: Feuch, gabhaidh mise o d’làimh cuach na ball-chrith; deisgeanan cuaiche mo chorruich; cha’n òl thu dh’i tuille ni ’s mò. 23 Ach cuiridh mi ’n làimh na muinntir ata ga d’shàruchadh i; ata ’g radh riut, Crom a sios do hchorp, as gu rachamaid thairis: agus leag thu sios do dhruim, mar an talamh; agus mar an t-sràid, dhoibhsan a ta siubhal seachad. CAIB. LII. DUISG, dùisg; bi air d’ éideadh le d’neart, O Shioin. sgeadaich thu fein le d’chulaidhibh glormhor, O Ierusaleim, a chaithir naomha! Oir ni ’s mò cha d’theid a steach ort, an neo-thimchioll-ghearta, ’s an neo-ghlan. 2 Crath thu fein o’n duslach, dìrich do chathair ard, O Ierusaleim; fuasgail thu fein o chuibhrichibh do mhuineil, O a nighean bhraighdeach Shioin! 3 Oir mar so deir Iehobhah: air neo-ni reiceadh sibh; is cha’n [TD 73] ISAIAH. CAIB. LIII. ann le h-airgiod a dh’fhuasglar sibh. 4 Oir mar so deir an Tighearna Iehobhah; Chaidh mo shluagh a sios d’on Eiphit, an toiseach, gu fuireach air chuairt an sin: agus rinn an t-Asirianach, mu dheireadh, an sàruchadh. 5 Agus a nis, ciod a th’agam-sa tuille ri dheanamh, deir Iehobhah: air do m’shluagh a bhi air an toirt air falbh air neo-ni; agus tha iadsan aig am bheil tighearnas os an cionn, a’ deanamh uaill as, deir Iehobhah: agus do ghnà, gach aon la, tha m’ainm-sa buailteach do dhi-meas. 6 Air an aobhar sin bidh fios aig mo shluagh air m’ ainm-sa anns an là sin: oir is mise Esan, Iehobhah, a gheall; agus feuch! an so tha mi! 7 ¶ Cia maiseach ri ’m faicinn air na sleibhtibh casan an teachdaire aoibhinn; an ti sin, a ta ’g eigheach sìth! an teachdaire aoibhinn an deadh sgeoil; an ti ta ’g eigheach slàinte! an ti ta ’g radh ri Sion, Is e do Dhia-sa ’s righ ann! 8 Tha do luchd-faire gu leir a’ togail asuas an gutha; tha iad a’ togail iolaich le cheile: oir aghaidh ri h-aghaidh chi iad, tra philleas Iehobhah gu Sion. 9 Bristibh amach le gairdeachas, togaibh iolach le cheile, O bhallacha briste Ierusaleim! oir thug Iehobhah co-fhrtachd d’a shluagh; shaor e Israeil. 10 Leig Iehobhah ris a ghairdean naomha, ann an sealladh nan uile chinneach; agus chunnaic uile chriochan an domhain slàint’ ar Dia-ne. 11 Imichibh, imichibh, rachaibhse mach as sin; na beanaibh ri ni neo-ghlan air bith: rachaibhse mach as a meadhon: bithibhse glan, sibhse ta giulan shoithichean Iehobhah! 12 Gu deimhin cha’n ann an deifir a theid sibh a mach; is cha’n ann le teicheadh a shiubhlas sibh air falbh: oir coisichidh Iehobhah air ’ur toiseach; is Dia Israeil bheir a nios ’ur deireadh. 13 ¶ Feuch, soirbhichidh m’ òglach; bidh e air a thogail gu h-ard, is air a mheudachadh, is air ardachadh gu h-anbharr ard. 14 Mar a ghabh moran iongantas ris; (is co mor a’ mhi-mhaise a rinneadh air aghaidh, seach duine; agus air a dhreach, seach mic dhaoine;) 15 Mar sin crathaidh esan thar moran chinneach: ’na fhianuis druididh righrean am beoil; oir an ni nach do chuireadh roimhe an ceill doibh, chi iad; agus an ni nach cual iad, bheir iad gu furachair fanear. CAIB. LIII. CO chreid ar teachdaireachd; agus d’an robh gairdean Iehobhah air fhoillseachadh? 2 Oir fàsaidh e suas ’nan sealladh mar mheanglan maoth; agus mar fhreumh a fearann tartmhor: cha’n ’eil sgéimh air bith no maise aige, gu gabhamaid suim dheth; ni mò tha ghnùis air sheol as gu biodh e air iarruidh leinne. 3 Air a dhi-measadh agus gun bhi air a mheas ann an àireamh dhaoine; ’na dhuine dhoilghiosan, is cleachdta ri bròn; mar neach a dh’fholuicheas uainn aghaidh: bha e air a dhi-meas- [TD 74] ISAIAH. CAIB. LIV. adh, is cha robh againne meas air. 4 Gu deimhin ar n-anfhainneachd-ne ghiulain esan; agus ar doilghiosan, dh’iomachair esan iad: gidheadh shaoil sinne gu robh e air a bhruthadh ann am breitheanas; air a bhualadh le Dia, agus air a throm-chlaoidh. 5 Ach bha e air a lot airson ar peacaidh-ne; air a bhualadh airson ar n-aingeachdan: an smachdachadh, leis am bheil ar sìth air a toirt mu’n cuairt, leagadh airsan; agus le chreuchdaibh-san tha sinne air ar leigheas. 6 Chaidh sinne gu leir mar chaoiribh air seachran; chlaon sinn a thaoibh gach aon gu shlighe fein; agus thug Iehobhah fanear gu tuiteadh airsan aingeachd an iomlain dhinne. 7 Thagradh [na fiachan,] agus rinneadh esan freagarach; is cha d’fhosgail e a bheul: mar uan a ta air a stiuradh a chum a’ chasgraidh, is mar chaoradh a bhios, fa chomhair a luchd-lomairt, balbh; mar sin cha d’fhosgail e a bheul. 8 Le breitheanas ana-cothromach thugadh air falbh e; agus a ghnàth-chaithe-beatha cò chuireadh an ceill? oir ghearradh as e o thìr nam beo; air son easaontais mo shluaigh-sa bhuaileadh e gu bàs. 9 Agus dh’orduicheadh uaigh leis na h-aingidh; ach maille ris an duine shaibhir bha àit-adhlacaidh. Ge nach d’ rinn e eucoir air bith, ni mò bha cealg ’na bheul; 10 Gidheadh chunnaic Iehobhah ceart a bhruthadh le h-amhghar. Ma ni anam iobairt-réiteachaidh, chi e sliochd, a shìneas a mach an làithean, agus ni rùn gràsmhor Iehobhah soirbheachadh ’na làmhan. 11 Do shaothair anama chi e [’n toradh,] agus bidh e toilichte: le eolas airsan ni m’ òglach-sa moran fhireanachadh; oir peanas an ea-ceairtean ni e fein a ghiulan. 12 Air an aobhar sin roinnidh mise dha na morain air son a chuibhrinn; agus an sluagh cumhachdach gheibh e mar a chuid do’n chreich: a chionn gu do dhòirt e mach anam gus am bàs; agus gu robh e air àireamh leis na ciontaich: agus ghiulain e peacadh mhoran; is rinn e eadar-ghuidh’ air son nan ciontach. CAIB. LIV. TOG iolach air son aoibhneis, O thusa ta aimrid, nach d’rug clann; brist a mach gu iolach ait, is dean gairdeachas, thusa nach robh ann an soathair: oir is lionmhoire clann na h-aonarain, na clann na mnatha-pòsda, deir Iehobhah. 2 Cuir am farsaingeachd ionad do phailliuin; is biodh lùchairt do chòmhnuidh air a sgaoileadh: na caomhainn; leig am fad do chuird, agus sàth gu daingean do chuaillean: 3 Oir air an làimh dheis, agus chlì, brùchdaidh tu mach le fàs; agus sealbhaichidh do shliochd na cinnich, agus àitichidh iad na caithrichean fàsail. 4 Na biodh eagal ort, oir cha chuirear thu gu h-amhluadh; is na gabh rugha, oir cha toirear thu gu masladh: oir di-chuimhnichidh tu nàire d’oige; agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu ni ’s mò. 5 Oir d’ fhear-pòsda ’s e do chruith-fhear; Iehobhah Dia [TD 75] ISAIAH. CAIB. LV. nan sluagh is e ainm: agus d’fhear-saoruidh is e Ti naomha Israeil; Dia an domhain uile goirear ris. 6 Oir mar mhnaoi air a treigsinn, agus fuidh amhghar trom, rinn Iehobhah do ghairm air d’ ais; agus mar mhnaoi air a gabhail ann am pòsadh gu h-òg, ach ’na dheigh sin air a cur air falbh, deir do Dhia. 7 Ann an corruich bhig rinn mise do threigsinn; ach le trocairibh mora gabhaidh mi thu rìs: 8 Ann an lasan beag dh’fholuich mi mo ghnùis car tiota uait; ach le caoimhneas siorruith ni mi trocair ort; deir d’ fhear-saoruidh Iehobhah. 9 An ni ceudna ni mi mis, a rinn mi ’n làithibh Noah, an uair a mhionnaich mi, nach siubhladh uisgeachan Noah ni bu mhò thar an talamh; is amhuil a mhionaich mi, nach bi ann an corruich riutsa, ’s nach dean mi do chronuchadh. 10 Oir bidh na sleibhtean air an atharrachadh; agus na cnuic air an tilgeadh bun os cionn: ach mo chaoimhneas-sa cha’n atharruichear uaitse; agus co-cheangal mo shìth cha tilgear bun os cionn; deir Iehobhah, aig am bheil an t-iochd is caomhaile dhuitse. 11 O thusa ta claoidhte, air do bhualadh leis an doininn, gun ghnè do cho-fhurtachd! feuch leagamsa do chlachan ann an ceangal corcuir, agus do bhunachar le clachaibh saphir. 12 Agus ni mi do bhallacha-mullaich do chlachaibh rubi; agus do gheatachan do charbuncalaibh; is bidh uile chuartachadh do bhallachan do chlachaibh rìomhach. 13 Agus bidh d’uile chlann air an teagasg le Iehobhah; agus is pailt a bhios soirbheachadh do chloinne. 14 Ann am fireantachd bidh tu air do dhaighneachadh: bi thus’ ann am fad o shàruchadh; seadh cha bhi eagal ort roimhe; agus o uabhas; oir cha tig e dlù dhuit. 15 Feuch, bidh iad ann an co-bhoinn le cheile, ach cha’n ann le m’ àithne-sa; cò air bith a bhios ann an co-bhoinn a d’aghaidh, thig thairis do d’ionnsuidh. 16 Feuch, mise chruthaich an gabha ta séideadh a suas nan eibhlean gu teine, ’s a’ toirt a mach acfuinne do reir oibre; agus chruthaich mi am fear-millidh a chum cur fàs. 17 Ciod air bith inneal a dhealbhar a d’ aghaidh-sa, cha soirbhich e; agus an aghaidh gach teanga, a ni strì riut, buidhnidh tusa do chùis. Is i so oighreachd sheirbhiseach Iehobhah, agus am fireannachadh uamsa, deir Iehobhah. CAIB. LV. HO! gach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan! agus aig nach ’eil airgiod, thigibhse, ceannuichibh, agus ithibh! Seadh, thigibh, ceannuichibhse gun airgiod; agus gun luach, fion agus bainne. 2 C’om am bheil sibh a’ tomhas a mach ’ur n-airgid air son an ni nach aran? agus ’ur stòrais air son an ni sin nach sàsuich? Eisdibh, is thugaibh aire dhomhsa; agus ithibh an ni sin a ta do [TD 76] ISAIAH. CAIB. LVI. rìreadh maith; agus gheibh ’ur n-anam cuirm shaibhir do na nithibh a ’s blasda. 3 Cromaibh ’ur cluas, is thigibh do m’ ionnsuidh-sa; thugaibh fanear, agus mairidh ur n-anam beo: agus ni mise ruibh co-cheangal siorruith; bheir mi dhuibh na geallaidhean gràsmhor a thugadh do Dhaibhidh, nach failnich am feasd. 4 Feuch, mar fhianuis do na slòigh thug mi esan; ’na fhear-iuil, is ’na fhear-reachd do na cinnich. 5 Feuch, an cinneach, nach b’ aithne dhuit, gairmidh tu; agus an cinneach do nach b’ aithne thu, ruithidh do d’ ionnsuidh, air sgàth Iehobhah do Dhia; agus air son Ti naomha Israeil, oir ghlòraich esan thu. 6 ¶ Iarruibhse Iehobhah, am feadh a ta e ri fhaotainn; gairmibh air, am feadh a ta e dlù do làimh: 7 Treigeadh an t-aingidh a shlighe, ’s an duine eucorach a smaointe: agus pilleadh e ri Iehobhah, oir gabhaidh e ris le h-iochd; agus ri ’r Dia-ne; oir tha e saibhir ann am maitheanas. 8 Oir cha ’n iad mo smaointe-sa bhur smaointe-sa; mi mò is iad ’ur slighean-sa mo shligheansa, deir Iehobhah. 9 Oir mar a ta na neamha ni ’s airde na’n talamh; mar sin tha mo shlighean-sa ni ’s airde na bhur shlighean-sa, agus mo smaointe-sa ’na bhur smaointe-sa. 10 Gu deimhin, amhuil a thig an t-uisge nuas, agus an sneachda o na neamha; agus gu sin cha phill e air ais: ach taisichidh e an talamh, is ni e torthach e, agus bheir e air a mheas a chur a mach; a chum gu tugadh e siol do’n ti chuireas, is aran do’n ti dh’itheas. 11 Is amhuil sin am focal a theid a mach o’m bheul-sa; cha phill e do m’ ionnsuidh gun toradh; ach bheir e gu buil an ni is àill leam; is bheir e air a ghnothach soirbheachadh, mu’n do chuir mi mach e. 12 Gu deimhin le h-aoibhneas theid sibh a mach, agus le sìth stiurar sibh air ’ur n-aghaidh: bristidh na sleibhtean agus na cnuic a mach roimhibh le ceileir; agus uile chraobha na machrach buailidh am basan. 13 An àite nam preasan droighinn fàsaidh a suas a’ chraobh ghiumhais; is an àite na drise fàsaidh a suas am miortal: agus bidh e do Iehobhah mar chuimhneachan; mar chomhara bith-bhuan, nach bi gu bràth air a chur air cùl. CAIB. LVI. Mar so deir Iehobhah: Coimhidibh breitheanas, agus gnàthuichibh fireantachd; oir tha mo shlàinte-sa dlù, dìreach ullamh gu teachd; agus m’ fhireantachd gu bhi air a foillseachadh. 2 Is beannuichte an duine ta deanamh so, agus mac an duine ghleidheas e gu daingean; a choimheadas an t-sàbaide, agus nach mi-naomhaich i; agus a chumas a làmh air a h-ais o dheanamh uilc. 3 Agus na labhradh mac a’ choigrich, a ta ag dlù-leantuinn ri Iehobhah, ag radh: Sgar Iehobhah mise gu tur o shluagh. Agus na h-abradh an cailltean- [TD 77] ISAIAH. CAIB. LVII. ach: Feuch, tha mis’ a’m’chrann tioram. 4 Oir mar so deir Iehobhah ris na caillteanaich: Cò air bith dhiubh a choimheadas mo shàbaidean-sa, agus a roghnaicheas an ni sin anns am bheil mis’a’ gabhail tlachd, agus a bheir gu coilionta fanear mo cho-cheangal; 5 Dhoibhsan bheir mi ann am thigh, agus an taobh a stigh do m’ bhallachan, cuimhneachan agus ainm, ni ’s fear na ainm mhac agus nighean: ainm siorruith bheir mi dhoibh, nach bi gu bràth air a ghearradh air falbh. 6 Agus mic a’ choigrich a ta dlù-leantuinn ri Iehobhah; gu frithealadh dha, agus gràdh a thoirt do ainm Iehobhah, agus a bhi ’nan òglaich dha: gach aon a choimheadas an t-sàbaid, agus nach mi-naomhaich i; agus a ghleidheas gu bunaiteach mo cho-cheangal-sa: 7 Iad sin bheir mi chum mo shleibh naomha; agus bheir mi orra gairdeachas a dheanamh ann am thigh-urnaigh: an tabhartais loisgte ’s an iobairtean bithidh air an gabhail gu taitneach air m’altair; oir goirear ri m’ thigh-sa, Tigh urnaigh air son nam fineach uile. 8 Mar so deir an Tighearna Iehobhah, a chruinnicheas le cheile diobaraich Israeil: Fathasd cruinnichidh mise muinntir eile d’a ionnsuidh, os barr air a’ mhuinntir sin a ta cheana air an cruinneachadh. 9 ¶ O uile bheathaiche na machrach, thigibh; thigibh gu itheadh a suas, O uile bheathaichean na frìdhe! 10 Tha a luchd-faire dall, an t-iomlan diubh; tha iad ain-eolach; tha iad uile ’nan coin bhalbha, cha’n urradh iad tabhannaich: bruadaraichean, lundairean, aig am bheil spéis do chadal. 11 Seadh aig na madraibh so tha ciocras neo-chìosnaichte; cha’n aithne dhoibh bhi toilichte. Agus na buachaillean fein cha’n urradh tuigsinn: tha iad, an t-iomlan diubh, a’ claonadh air falbh gu’n slighe fein; gach aon gu bhuannachd fein, o’n neach a ’s airde gus an neach a ’s ìsle. 12 Thigibh, ulmhaicheamaid fion; agus sluigeamaid a sios deoch làidir: agus mar an diugh, is amhuil a bhios cuireadh a’ mhàireach; mor, eadhon ni ’s ro-phailte. CAIB. LVII. THA an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fanear; agus na daoine diadhaidh air an toirt air falbh, is gun aon neach a’ tuigsinn; gu bheil an duine fireanach air a thoirt air falbh, do bhrìgh an uilc. 2 Siubhlaidh e ann an sìth; gabhaidh e fois ’na leabuidh: eadhon an duine foirfidh; esan a ta ’g imeachd anns an t-slighe dhìreich. 3 Ach sibhse, thigibh am fagus an so, O mhaca na ban-druidh, a shliochd an adhaltraiche, agus na striopaiche! 4 Cò dam bheil sibh a’ deanamh àbhachd? cò ris am bheil sibh a’ deanamh beoil fhairsing, agus a’ tarruing a mach na teanga? Nach clann sibh a chaidh an aghaidh dùchais, sliochd breugach? 5 A’ losgadh le an-miann iodhola fuidh gach aon chrann [TD 78] ISAIAH. CAIB. LVII. uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na gleannaibh, fo bhruachaibh nan creag? 6 Am measg mhìn-chlachan a ghlinne tha do chuibhrionn; is iad so, is iad so do chrannchur: eadhon dhoibh so dhòirt thu mach do thabhartas-dibhe, dh’iobair thu do thìolac. Am feud mise na nithe so fhaicinn le tlachd? 7 Air sliabh cruachach ard chuir thu suas do leabadh: eadhon gu sin chaidh thu suas a thairgseadh iobairt. 8 Air cùl an doruis agus nan ursannan chuir thu suas do chuimhneachan: dh’ imich thu air falbh uamsa, ’s chaidh thu suas; rinn thu ni b’ fharsuinge do leabadh, is rinn thu co-cheangal riu: thug thu gradh d’an leabaidh; dheasuich thu àite dh’i. 9 Agus chaidh thu dh’amharc an righ le tìolac ola; ’s chuir thu ’n lionmhoireachd d’ olachanungaidh luachmhor: agus chuir thu do theachdairean am fad; agus dh’ìslich thu thu fein eadhon gus an uaigh. 10 Ann am fad do thuras sgìthich thu thu fein: thubhairt thu, Cha ’n ’eil dochas air bith ann: fhuair thu lòn do bheatha le d’ shaothair; air an aobhar sin cha do chaill thu gu tur do chàil. 11 Agus cò roimh an robh eagal co iomguineach ort, gu buineadh tu mar so gu fealltach? agus nach do chuimhnich thu mise, ni mò bhreathnuich thu air ann a d’ inntinn? Nach ann a chionn gu robh mis’a’m’ thosd, is gu do sheall mi thairis; agus cha robh eagal agadsa romham. 12 Ach leigidh mise ris m’fhireantachd: is cha dean do ghniomhara feum dhuitse. 13 An uair a ghlaodhas tu, deanadh do chompanaich do thearnadh: ach giulainidh a’ ghaoth air falbh iad; bheir osag as iad. Ach an ti dh’earbas asam-sa gheibh e mar oighreachd am fearann, agus sealbhaichidh e mo shliabh naomha. 14 An sin their mi; Tilgibh a suas, tilgibh a suas an rathad deanta; réitichibh an t-slighe; atharraichibh gach ceap-tuislidh a rathad mo shluaigh. 15 Oir mar so deir Iehobhah, an t-ard, agus an t-urramach; ag àiteachadh siorruitheachd; agus d’an ainm an Ti naomha: Anns ann ionad ard agus naomha gabhaidh mise comhnuidh; agus maille ris an neach a ta leonta, ’s aig am bheil spiorad iriosal: a dh’ ath-bheothachadh spioraid an iriosail; agus a thoirt beatha do chridhe an leonta. 16 Oir cha chathuich mi do shior; ni mò bhios gu bràth corruich orm: oir bhiodh an spiorad as mo làthair air a chlaoidh gu tur; agus na h-anama beo, a rinn mi. 17 Air son a chionta, ré ùine ghairid bha corruich orm: agus bhuail mi e; a’folach mo ghnùise ann am fheirg. Agus dh’fhalbh esan, a’ pilleadh air ais ann an rathad a chridhe fein. 18 Chunnaic mise a ròidean; agus leighisidh mi e, ’s bithidh mi ann am fhear-iuil da, agus aisigidh mi co-fhurtachdan, dhasan, agus d’a luchd-bròin. 19 Is mise chruthaicheas toradh nam bilidh: sìth, sìth, dhasan a ta dlùth, agus dhasan a ta fad as, deir Iehobhah; agus ni mis’ a shlànuchadh. [TD 79] ISAIAH. CAIB. LVIII. 20 Ach tha na h aingidh cosmhuil ris a’mhuir bhuairte; oir fois air bith cha’n fheud i ghabhail; ach tha a h-uisgeachan ag oibreachadh a nios salachair agus clàbair. 21 Cha’n ’eil sìth air bith, deir mo Dhia-sa, do’n mhuinntir aingidh. CAIB. LVIII. GLAODH gu h-ard, na caomhainn mar ghall-tromp tog a suas do ghuth: agus cuir an ceill do m’ shluagh-sa an easaontas; agus do thigh Iacoib an dò-bheairt. 2 Gidheadh mise, là an deigh là, tha iad ag iarruidh: agus a ghabhail eolais air mo shlighe tha tlachd aca: mar chinneach a ta deanamh fireantachd, is nach do threig reachd an Dia. Tha iad a sior-fheoruich dhiomsa mu thimchioll reachda na fireantachd; tha iad a’ gabhail tlachd ann an teachd dlù do Dhia. 3 C’ ar son a thraisg sinn, is nach ’eil thus’ a’ faicinn? a leon sinn ar n-anama, ’s nach ’eil thusa toirt fanear? Feuch, ann an là ’ur traisg, tha sibh a’ mealtuinn ’ur sòlais; agus ’ur n-uile dhuais air son saoithreach tha sibh gu teann a’ tagradh. 4 Feuch, tha sibh a’ trasg air son farpais agus coi’-strì; agus a bhualadh leis an dorn an duine bhochd. Com’ am bheil sibh a’ trasg dhomhsa air an dòigh so; gu thoirt air ’ur guth a bhi air a chluinntinn gu h-ard? 5 An e leithid so ma ta do thrasg, a ta mis’ a’ roghnachadh; gu deanadh duine anam a leon car latha? An e gu cromadh e sios a cheann mar luachair; is gu sgaoileadh e sac-eudach is luaithre air son uirigh? An abrar ris so trasg, agus là taitneach do Iehobhah? 6 Nach e so an trasg a ta mise a’roghnachadh? cuibhrichean na h-aingeachd a sgaoileadh; na h-uallaichean foirneartach fhuasgladh; a’ mhuinntir a ta air am bruthadh le ain-neart a shaoradh; agus gu bristeadh sibh as a cheile na h-uile cuing? 7 Nach e d’aran a roinn ris an acrach; agus am bochd seachranach a thoirt a dh’ionnsuidh do thighe? an uair a chi thu an lomnochd, gu comhdaich thu e; agus nach foluich thu thu fein o d’fheoil fein? 8 An sin bristidh do sholus a mach mar a’ mhadainn; agus leighisear gu grad do chreuchdan: agus theid d’fhireantachd air thoiseach ort; is ni gloir Iehobhah do chuartachadh air do dheigh. 9 An sin glaodhaidh tu, is bheir Iehobhah freagradh; éighidh tu, agus their e, Feuch tha mis’ an so! Ma dh’atharruicheas tu as do ml eadhon a’ chuing; deachdadh a’ mheoir, agus a’ chainnt chronail. 10 Ma bheir thu mach d’aran do’n acrach, is gu sàsuich thu an t-anam leonta; an sin eiridh do sholus ann an dorchadas, agus bidh do dhorchadas mar am meadhon-latha. 11 Agus ni Iehobhah do stiuradh an comhnuidh, is d’anam a shàsuchadh, anns an tart a’s cruaidhe; agus ath-nuadhaichidh e do spionnadh: agus bidh tu mar ghàrradh air a dheadh-uisgeachadh, is mar thobar fior-uisge, air nach tig gu brath fàilinn uisge. 12 Agus togaidh iadsan a [TD 80] ISAIAH. CAIB. LIX. ghinear uait na sean làraichean; bunaitean nan linn o shean togaidh iad a suas; agus theirear riut fear-càraidh an torr bhriste; fear-leasachaidh ròidean a bhios air an tathaich le luchd-àiteachaidh. 13 Ma chumas tu air a h-ais do chas o’n t-sàbaid; o d’thoil fein a dheanamh air mo là naomh-sa: agus gun abair thu ris an t-sàbaide, Toil-inntinn; agus ri feill naomha Iehobhah, Urramach: agus gu toir thu onoir dh’i, le fuireach air d’ ais o d’ ghnothach; o leantuinn do shòlais, agus o labhairt bhriathra diomhain; 14 An sin gabhaidh tu tlachd dhuit fein ann an Iehobhah; agus bheir mis’ ort marcachd air ionadaibh arda na talmhainn: agus ni mi do bheathachadh air oighreachd Iacoib d’athar: oir beul Iehobhah labhair e. CAIB. LIX. FEUCH, cha’n ’eil làmh Iehobhah air dol an giorrad, air chor as nach feud e tearnadh; no a chluas air fàs mall, air chor as nach cluinn e. 2 Ach rinn ’ur n-aingeachd-sa dealachadh, eadar sibh fein agus ’ur Dia; agus dh’ fholaich ’ur lochdan uaibh a ghnùis, ionus nach ’eil e ’g eisdeachd. 3 Oir tha ’ur làmhan air an truailleadh le fuil, agus ’ur meoir le ea-ceairt; tha ’ur bilean a’labhairt ceilge, agus ’ur teangadh a’ borbhanaich dò-bheairt. 4 Cha’n ’eil aon air bith a’cur an ceill a chùise ann ann ceartas, is cha’n ’eil aon neach a’ tagradh ann am firinn: ag earbsadh a diomhanas, agus a’ labhairt bhreug; air thorrachas le h-aimhleas agus a’ breith droch-bheairt. 5 Tha iad a’ gur air uighean na rì-nathrach, agus a’ figheadh lion an damhain-alluidh: esan a dh’itheas d’an uighean, gheibh e bàs; agus an uair a bhruthar e, bristidh nathair nimhe mach. 6 D’an eudaichibh cha deanar trusgan air bith; ni mò chomhdaicheas iad iad fein le’n oibribh: an oibre ’s oibre droch-bheairt iad, is tha gniomh an fhoirneirt ’nan làmhan. 7 Tha an cas a’ ruith gu luath chum uilc, is tha iad a’ greasad a dhòrtadh fala neo-chiontaich: is innleachdan aingeachd an innleachdan; tha leir-sgrios agus dòlas ’nan ceumaibh. 8 Slighe na sìth cha’n aithne dhoibh; ni mò tha breitheanas air bith ’nan ròidibh: rinn iad dhoibh fein ceuma cam; cò air bith a shiubhlas annta, cha’n aithne dha sìth. 9 Air an aobhar sin tha breitheanas ro-fhada uainn; ni mò tha ceartas a’ breth oirn: tha sinn ag amharc airson soluis, ach feuch dorchadas; airson soilleireachd, ach tha sinn a’ gluasad ann an duibhre. 10 Tha sinn ag iarruidh a’ bhalla le’r làmhan, mar na doill; is tha sinn a’ dol air seachran, mar iadsan a chaill am fradharc: tha sinn a’ tuisleachadh air mheadhon-là, mar anns an doilleireachd: ann am meadhon shòlasan, mar ann am measg nam marbh. 11 Tha sinn a’ bùirich uile, mar na math-ghamhainnibh; is mar na columain, tha sinn ri sior- [TD 81] ISAIAH. CAIB LX. chaoiran: tha sinn ag amharc air son breitheanais, is cha’n ’eil e ri fhaotainn: airson slàinte, ’s tha i ro fhada uainn. 12 Oir tha ar lochdan air dol an lionmhoireachd fa d’ chomhair-sa; agus tha ar n-easaontas a’ toirt cùis-dhitidh ’nar n-aghaidh: oir tha ar seachrain a’ leantuinn gu teann ruinn; is ar n-ea-ceairtean tha sinn ag aideachadh: 13 Le ceannairc, agus le breugaibh, an aghaidh Iehobhah; agus le pilleadh air ar n-ais o leantuinn ar Dia: le labhairt eucorach, is le deilbh ar amach; agus le smaointeachadh o’n chridhe air briathra breugach. 14 Agus tha breitheanas air a philleadh air ais; is ceartas a’ seasamh fada uainn; fhuair an fhirinn tuisleadh anns an t-sràid sgaoilte, ’s cha b’ urradh ionracas teachd a steach. 5 Agus tha firinn gu tur air a call; agus esan a sheachnas an t-olc, tha e buailteach gu bhi air a chreachadh: Agus chunnaic Iehobhah, agus mhi-thaitinn e ris, nach robh breitheanas air bith ann. 16 Agus chunnaic e nach robh aon neach ann; is b’ioghnadh leis nach robh neach air bith ann gu bhi ’na eadar-mheadhonair: an sin dh’oibrich a ghairdean fein slàint’ air a shon; agus fhireantachd fein chum i suas e. 17 Agus chuir e uime fireantachd, mar uchd-éideadh; is bha clogaide na slainte air a cheann: agus chuir e uime trusgan an dioghaltais air son éididh; is chomhdaich e e fein le eud, mar le falluing. 18 Tha e cumhachdach gu ath-dhioladh; esan a ta cumhachdach gu ath-dhioladh, diolaidh: corruich d’a eascairdibh, dioghaltas d’a naimhdibh; do na criochaibh iomallach ath-dhioladh bheir e uaith. 19 Agus iadsan o’n Iar bheir urram do ainm Iehobhah; agus iadsan o eirigh na greine, d’a ghloir; an uair a thig e, mar abhainn ann an slighe chughainn, air a h-iomain asios le gaoith làidir. 20 Agus thig am Fear-saoruidh gu Sion; is pillidh e aingeachd o Iacob; deir Iehobhah: 21 Agus so an co-cheangal a ni mise riu, deir Iehobhah: Mo spiorad a ta ortsa, ’s mo briathran a chuir mi ann ad’bheul; cha dealuich iad ri d’bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir Iehobhah; o’n aimsir so mach gu siorruith. CAIB. LX. EIRICH, bi air do shoillseachadh; oir thainig do sholus; agus tha gloir Iehobhah air eirigh ort. 2 Oir feuch, comhdaichidh dorchadas an talamh; agus dall-cheo na cinnich: ach ortsa eiridh Iehobhah, agus a ghloir ortsa bidh so-fhaicinn. 3 Agus gluasidh na cinnich ann ad’sholus, agus righrean ann an dealradh do ghrian-eirigh. 4 Tog suas do shùilean mu’n cuairt, agus faic; tha’n t-iomlan diubh air cruinneachadh le cheile; tha iad a’ teachd do d’ionnsuidh: thig do mhic o chéin; is bidh do nigheanan air an giulan air an leis. [TD 82] ISAIAH. CAIB. LX. 5 An sin bidh eagal ort, agus ruithidh tu thairis le h-aoibhneas; agus bidh do chridhe air a dhùsgadh, is air a dheanamh farsuing; an tra bhios beartas na fairge air a dhòrtadh a steach ort; an tra thig saibhreas nan cinneach do d’ionnsuidh. 6 Ni tuil chàmhal do chomhdachadh; dromadairean Mhidiain agus Epha; an t-iomlan diubh thig o Shaba: òr agus tùis giulainidh iad; agus cliu Iehobhah cuiridh iad an ceill gu h-ait. 7 Bidh uile threudan Chedair air an cruinneachadh do d’ionnsuidh: reitheachan Nebaiot bheir dhuit seirbhis: theid iad a suas, is gabhar iad gu taitneach air m’altair-sa; agus mo thigh maiseach ni mi fathasd a mhaiseachadh. 8 Cò iad so a ta ’g itealuich mar neul? is mar cholumain air an sgiathaibh? 9 Gu deimhin feithidh na criochan iomallach riumsa, agus longan Tharsis am measg na ceud chuid: a thoirt do mhac o chéin; an airgid agus an òir maille riu: air sgàth ainme Iehobhah do Dhia-sa; agus Ti naomha Israeil; oir ghloraich esan thu. 10 Agus togaidh mic a’ choigrich a suas do bhallachan; agus frithealaidh an righrean duit: oir ann am chorruich bhuail mis’ thu; ach ann am dheadh-ghean glacaidh mi thu leis an tlus a’s caomhaile. 11 Agus bidh do gheatachan fosgailt an comhnuidh; a latha, no dh’ oidhche, cha bhi iad air an druideadh: a thoirt do d’ionnsuidh stòrais nan cinneach; is a chum gu d’ thigeadh an righrean le’n luchd-coimheadachd sgiamhach. 12 Oir an cinneach sin, agus an rioghachd sin, nach toir seirbhis duitse, theid am mugha; seadh, theid na cinnich sin a sgrios gu buileach. 13 Thig gloir Lebanoin do d’ionnsuidh, an crann-giumhais, an gall-ghiumhais agus an crann-bocsa le cheile: a mhaiseachadh àite mo naomh-ionaid-sa; agus a chum gu glòraichinn an t-àite, air am bheil mi socruchadh mo chas. 14 Agus thig mic do luchd-sàruchaidh a’ lùbadh ann ad’ làthair; agus na h-uile chuir cùl riut gu tàireil, ni umhlachd do bhonnaibh do chas: agus their iad riut, Caithir Iehobhah; Sion Ti naomha Israeil. 15 An àit thu bhi air do threigsinn, agus air d’ fhuathachadh, air chor as nach do shiubhail aon neach romhad; ni mise thu ann a d’ uaill shiorruith; ad’ chuis-ghairdeachais do ghinealachaibh bith-bhuan. 16 Agus deobhlaidh tu bainne chinneach; eadhon air brollach righrean bithidh tu air d’ àrachadh: agus aithnichidh tu gur mise Iehobhah do shlanui’-fhear; is gur e d’ fhear-saoruidh Ti cumhachdach Iacoib. 17 An ionad umha, bheir mise òr; agus an ionad iaruinn bheir mi airgiod: agus an ionad fiodha, umha; ’s an ionad chlach, iarunn. Agus ni mi do luchd-fiosrachaidh ’nan sìth; agus do luchd-togail cìse ’nan ceartas. 18 Cha chluinnear ni ’s mò foirneart ann a d’ fhearann; leir-sgrios agus dunaigh ann a d’ chriochaibh: ach their thu ri d’ bhallachan, slainte; agus ri d’ [TD 83] ISAIAH. CAIB. LXI. gheatachan, moladh. 19 Ni ’s faide cha bhi ghrian agad mar sholus anns an là; ni mò bheir soilleireachd na gealaiche solus duit anns an oidhche: oir bidh Iehobhah dhuit ’na sholus siorruith, agus do Dhia bithidh ’na ghloir dhuit. 20 Do ghrian cha d’ theid tuille sios; ni mò thig earr-dhubh air do ghealaich: oir bidh Iehobhah ’na sholus siorruith dhuit; agus criochnaichear laithean do mhulaid. 21 Agus bidh do shluagh gu leir ’nam fireanaibh; gu siorruith sealbhaichidh iad am fearann: am meangan a shuidhich mise, obair mo làmha, chum gu bithinn air mo ghlorachadh. 22 Fàsaidh an aon bheag ’na mhìle, ’s an aon shuarach ’na chinneach neartmhor: Mise Iehobhah ann an am iomchuidh deifrichidh e. CAIB. LXI. THA spiorad Iehobhah ormsa, a chionn gu d’rinn Iehobhah m’ ungadh. A dh’ fhoillseachadh sgeoil ait do’n mhuinntir mhacanta chuir e mi; a cheangal asuas luchd a chridhe bhriste: a dh’ éigheach fuasglaidh do na braighdibh; is do’n mhuinntir chuibhrichte saorsa iomlan: 2 A dh’ èigheach bliadhna thaitnich Iehobhah; agus latha dioghaltais ar Dia-ne. A thoirt co-fhurtachd do na h-uile ta ri bròn; 3 A thoirt [aoibhneis] do luchd-bròin Shioin: a thoirt dhoibh crùin mhaisich an àite luaithre; oladh aoibhneis an àite mulaid; éididh molaidh an àite spioraid airsneil. A chum gu’n abairteadh riu craobhan taitneach; suidheachadh Iehobhah airson a ghloire. 4 Agus iadsan a ghinear uait togaidh suas làraichean na h-aimsir o chian; leasaichidh iad gach milleadh a rinneadh o shean: togaidh iad a rìs na caithrichean a bha sgaoilte; ’nam fàsaich fhaondraich car mhoran linntean. 5 Agus seasaidh coigrich a suas agus beathaichidh iad ’ur treudan; agus bidh mic a’ chogrich ’nan treabhaichean duibh, is ’nan luchd-deasachaidh na fineamhuinne. 6 Ach theirear ruibhse sagartan Iehobhah; ministeirean ar Dia-ne, bidh agaibh ’na mhor-ainm. Stòras nan cinneach ithidh sibh; agus ’nan gloir-san ni sibh uaill. 7 An àite bhur nàire, gheibh sibh oighreachd dhùbailte; agus an àit ’ur maslaidh, ni sibh gairdeachas ’nan cuibhrionn-san: oir ’nam fearann sealbhaichidh sibh roinn dhùbailte; agus bidh agaibh mar sheilbh gairdeachas bith-bhuan. 8 Oir is mise Iehobhah, aig am bheil gràdh do bhreitheanas; aig am bheil fuath do bhreithair-eigin agus do aingeachd: agus bheir mi dhoibh duais an oibre le dìlseachd; is co-cheangal siorruith ni mi riu. 9 Agus bidh an sliochd urramach ann am measg nan cinneach, agus an gineal ann am measg nan sluagh. Iadsan uile chi iad, aidichidh iad gur sliochd iad a bheannuich an Tighearna. 10 Ni mise gairdeachas gu mor ann an Iehobhah; bidh m’ anam luaghaireach ann am Dhia. [TD 84] ISAIAH. CAIB. LXII. Oir sgeudaich e mi le trusganaibh slàinte; chomhdaich e mi le falluing fireantachd: mar a sgeadaicheas am fear nuadh-pòsd e fein le crùn sgiamhach; is mar a ni bhean nuadh-phosd i fein maiseach le h-usgraichibh riomhach. 11 Gu deimhin, amhuil a chuireas an talamh amach a bhuinneaga maotha; ’s amhuil a bheir gàrradh air a fhras bristeadh amach; mar sin bheir an Tighearna Iehobhah air fireantachd fàs a nios; agus air moladh, ann an làthair nan uile chinneach. CAIB. LXII. AIR sgàth Shioin cha’n fhan mi ann am thosd; agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois: gus am brist a fireantachd a mach mar sholus làidir; agus a slainte, mar leus lasrach. 2 Agus chi na cinnich d’fhireantachd; agus na h-uile righrean do ghloir: agus gairmear ort air ainm nuadh, a ni beul Iehobhah a dhaighneachadh ort. 3 Agus bithidh tu a’ d’chrùn maiseach ann an làimh Iehobhah; agus a’ d’ choron rioghail ann an glaic do Dhia. 4 Ni ’s mò cha’n abrar riut, Thusa th’air do threigsinn! ni mò theirear ri d’fhearann tuille, Thusa ta fàs! Ach theirear riut, Cuspair mu thlachd-sa; agus ri d’fhearann, A’ bhean a ta pòsda: oir bithidh tlachd aig Iehobhah annad; agus bithidh d’ fhearann air a cheangal ann am pòsadh. 5 Oir amhuil a phòsas duine òg òigh mar sin pòsaidh d’fhear-leasachaidh thusa: agus mar a ni am fear nuadh-pòsda gairdeachas ’na mhnaoi-bainnse, mar sin ni do Dhia gairdeachas annadsa. 6 Air do bhallachaibh, O Ierusaleim, chuir mise luchd-faire feadh an là; agus feadh na h-oidhche gu h-iomlan cha’n fhan iad ’nan tosd. O sibhse, ta glaodhach ainme Iehobhah! 7 Na bithibh ’n ’ur tosd sibh fein, is na leigibh dhasan fantuinn ’na thosd; gus an daighnich, agus gus an dean e, Ierusalem ’na cliu air an talamh. 8 Mhionnaich Iehobhah air a làimh dheis, agus air a ghairdean cumhachdach: Cha toir mi ni ’s mò d’arbhar mar lòn do d’ naimhdibh; ni mò dh’ òlas clann nan coigreach d’fhion nuadh, air son an do shaoithrich thu: 9 Ach iadsan a bhuaineas am foghara, ithidh e, agus molaidh iad Iehobhah; agus iadsan a chruinnicheas am fion-fhoghara, òlaidh e ann am chùirtibh naomh-sa. 10 Siubhlaibh, siubhlaibh trìd nan geatacha; ulmhaichibh an t-slighe fa chomhair an t-sluaigh! Tilgibh asuas, tilgibh a suas an rathad deanta; saoruibh e o chlachaibh! togaibh asuas gu h-ard suaicheantas airson nan cinneach! 11 Feuch, ghlaodh Iehobhah mar so gu crìch an domhain: Abraibhse ri nighinn Shioin, Feuch tha’ do shlanui’-fhear a’ teachd! Feuch! tha a luach-saoithreach maille ris, agus duais oibre ’na fhianuis. 12 Agus theirear riu, An sluagh naomha, a’ mhuinntir a shaoradh le Iehobhah: Agus theirear riutsa, Ion-iarruidh, A’ chaithir nach treigear. [TD 85] ISAIAH. CAIB. LXIII. CAIB. LXIII. Co e so, a ta teachd o Edom? le éideadh trom-dhaithte o Bhosra? e so, a ta urramach ’na chulaidh; a’ siubhal air aghaidh ann am mòrachd a neairt? — Mise, ta foillseachadh fireantachd, is cumhachdach gu tearnadh. 2 — Com’ am bheil do chulaidh dearg? agus d’ éideadh mar neach a’ saltairt an amair-fhiona? 3 — Shaltair mise ’n t-amar am aonar, is do na slòigh cha robh aon neach maille rium. Agus shaltair mi orra ann am fheirg; is phronn mi iad ann am chorruich: agus chrathadh am fuil-anama air m’éideadh; is tharruing mi sal air mo chulaidh uile. 4 Oir bha là an dioghaltais ann am chridhe; ’s bha bliadhna mo mhuinntir shaorta air teachd. 5 Agus dh’ amhairc mi, ’s cha robh aon neach ann gu cuideachadh; is b’ioghnadh leam nach robh neach ann a chumail taic: uime sin mo ghairdean fein dh’ oibrich air mo shon slàinte, ’s chum mo dhian-chorruich fein asuas mi. 6 Agus shaltair mi sios na slòigh ann am fheirg; is bhrùth mi iad an am chorruich, is dhòirt mi air an làr am fuil-anama. 7 Air trocairean Iehobhah ni mise sgeula, air cliu Iehobhah; do reir gach ni bhuilich Iehobhah oirn; agus do reir meud a mhaitheis do thigh Israeil; a dheonuich e dhoibh trìd a chaomhalachd agus a mhor-chaoimhneis. 8 Oir thubhairt e: Gu deimhin is iad mo shluagh, clann nach nochd iad fein neo-dhileas; agus rinneadh e na shlanui’-fhear dhoibh ’nan uile theinn. 9 Cha b’e teachdaire, no aingeal a làthaireachd a shàbhail iad: trìd a ghràidh, agus acarthachd rinn Esan e-fein an saoradh: agus thog e iad, agus ghiulain e iad, anns na h-uile làithibh o shean. 10 Ach rinn iadsan ceannairc, is chuir iad doilgheas air a spiorad naomha; air chor as gu d’fhàs e ’na namhaid doibh; agus chog e ’nan aghaidh. 11 Agus chuimhnich e na laithean o shean, Maois a sheirbhiseach; mar a thug e nios iad o’n fhairge, le buachaill’ a threud: mar a shuidhich e ’na uchd-san a spiorad naomha. 12 A’ toirt air a ghairdein glormhor dol le Maois air a làimh dheis ’na imeachd; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dheanamh dha fein ainme shiorruith; 13 ’Gan stiuradh trìd na doimhne, mar steud anns an fhaiche, gun ni ’ga bhacadh. 14 Mar theid an spréidh asios do’n ghleann, rinn spiorad Iehobhah an stiuradh: is amhuil a stiur thu do shluagh, a dheanamh dhuit fein ainme urramaich. 15 Seall a nuas o neamh, agus faic o d’ ionad-comhnuidh naomh agus glormhor: C’ àit am bheil d’eud, is do threun chumhachd; fuaim do chuim, agus do chaomh-thlus? am bheil iad air an cumail air an ais uainne? 16 Gu deimhin, is Tusa ar n-Athair; oir do Abraham cha’n aithne sinn, agus Israel cha’n ’eil a’ gabhail ruinn. Is Tusa O Ie- [TD 86] ISAIAH. CAIB. LXIV. hobhah, ar n-Athair: O saor sinn air sgàth d’ainme! 17 C’ arson, O Iehobhah, tha thu fulang duinn dol air seachran o d’shlighibh? air cridheachan a chruadhachadh o d’eagal-sa? Pill air sgàth do sheirbhiseach; air sgàth treubhan d’ oighreachd fein. 18 Is suarach, gu do ghabh iad seilbh air do shliabh naomha; gu do shaltair ar naimhdean a sios do naomh-ionad; 19 Bha sinn fada mar iadsan, thar nach robh thus’ a’ riaghladh; nach robh idir air an gairm air d’ainm. CAIB. LXIV. O Gu sgoilteadh tu na neamha, gu d’thigeadh tu nuas; gu sruthadh na sleibhtean a sios ann a d’làthair! 2 Mar a dh’fhadas an teine an connadh tioram; mar a bheir an teine air na h-uisgeachan goileachadh: a dheanamh d’ ainme aithnichte do d’ naimhdibh; a chum gu criothnuicheadh na cinnich ann a d’ fhianuis. 3 An uair a rinn thu nithe iongantach, ris nach robh sùil againn; thainig thu nuas; ann a d’ làthair shruth na sleibhtean a sios. 4 Oir riamh cha chuala daoine, ni mò thug iad fanear leis a’ chluais, ni mò chunnaic sùil, Dia air bith ach thusa, a ni leithid so do nithe air son na muinntir a ta cur ann an earbsa. 5 Tha thu le gairdeachas a’ teachd an còdhail na muinntir sin, a ta ’g oibreachadh fireantachd; a ta cuimhneach ortsa ann a d’ shlighibh: Feuch! tha corruich ort; oir pheacaich sinne: airson ar gniomhara; oir bha sinn ceannairceach. 6 Agus tha sinne gu leir mar ni salach; agus mar thrusgan a thilgeadh air falbh tha ar n-uile ghniomha fireannach: is tha sinn air seargadh as, mar dhuilleig, an t-iomlan dhinn; is rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giulan air falbh. 7 Cha’n ’eil aon air bith, a ta gairm air d’ ainm-sa; ta ’ga dhùsgadh fein a suas a dheanamh greim ortsa: air an aobhar sin dh’fholuich thu do ghnùis uainn; is thug thu thairis sinn do làimh ar n-ea-ceairtean. 8 Ach is Tusa, O Iehobhah, is Tusa ar n-Athair; is sinne a chrè, agus is Tusa dhealbh sinn; is sinn, an t-iomlan dhinn, obair do làmh-sa. 9 Na biodh corruich ort, O Iehobhah, gus a’ chuid is faide; agus na cuimhnich gu siorruith aingeachd. Feuch, amhairc oirn, guidheamaid ort; is sinn uile do shluagh. 10 Dh’ fhàs do bhailtean naomha ’nam fàsaich: tha Sion ’na fàsaich; tha Ierusalem faondrach. 11 Ar Teampull naomha, agus glormhor, anns an d’ thug ar n-aithrichean cliu dhuit; tha air a losgadh gu tur le teine; agus tha na h-uile nithe san robh ar tlachd air fàs nan leir-chreach. 12 An cum thu ort fein ris na nithe so, O Iehobhah? Am fan thu ann ad’ thosd, is an cràidh thu gu goirt sinn fathasd? [TD 87] ISAIAH. CAIB. LXV. CAIB. LXV. THA mi air mo dheanamh aithnichte do’n mhuinntir sin nach d’ fhiosruich air mo shon; tha mi air m’ fhaotainn leo-san nach d’ iarr mi: thubhairt mi, Feuch mi, tha mi ’n so, ris a’ chinneach nach do ghairm riamh air m’ ainm: 2 Shìn mi mo làmhan amach fad an là ri sluagh ceannairceach. a ta gluasad ann an droch shlighe, do reir an innleachdan fein. 3 Sluagh, a ta ’ga m’ bhrosnuchadh ri m’ aghaidh an comhnuidh; ag iobradh anns na liosaibh, agus a’ losgadh tùis’ air na clachaibh-suaine. 4 A ta gabhail comhnuidh anns na tuamaibh, is aig am bheil anns na h-uamhaibh am fardach; a ta ’g itheadh feola mhuc; is aig am bheil sùgh bhidheanna gràineil nan soithichibh. 5 A ta ’g radh: Fan agad fein; na tig dlù dhomhsa; oir tha mise ni ’s naomha na thusa. Tha iad so a’ fadadh deataich ann am chuinneanaibh, teine ta losgadh fad an latha gu h-iomlan. 6 Feuch, tha so air a chur a sios ann an scriobhadh ann am làthair-sa: cha’n fhan mi ann am thosd, ach ath-dhiolaidh mi gu cinnteach. 7 Ath-dhiolaidh mi ri ’n uchd an ea-ceairtean; agus ea-ceairtean an aithrichean le cheile, deir Iehobhah. Iadsan a loisg tùis air na sleibhtibh, agus a thug eas-onoir dhomh air na cnocaibh. seadh dòirtidh mi mach ’nan uchd tomhas iomlan an gniomha roimhe so. 8 Mar so deir Iehobhah: Amhuil ’nuair a gheibh neach deadh dhearc anns a’ bhaguide; agus a their e: Na mill e; oir tha beannachadh ann: mar sin ni mise air sgàth mo sheirbhiseach; cha sgrios mi an t-iomlan. 9 Mar sin bheir mi mach o Iacob sliochd; agus o Iudah fear-oighreachd mo shleibhe: agus sealbhaichidh mo mhuinntir thaghta am fearann; agus gabhaidh m’ òglaich tàmh ann. 10 Agus bidh Saron ’na chrò air son an treud, is gleann Achoir ’na àite-taimh air son a’ bhuair; airson mo shluaigh-sa, a dh’iarr a’m’ dheigh. 11 Ach sibhs’ a threig Iehobhah, agus a dhi-chuimhnich mo shliabh naomha: a ta cur an ordugh buird air son Ghad; agus a’ lionadh iobairt-dhibhe do Mheni: 12 Sibhse àirmhidh mi mach air son a’ chlaidheimh; agus cromaidh an t-iomlan dibh asios air son an àir; a chionn gu do ghlaodh mi, ’s cha do fhreagair sibh; labhair mi, agus cha’n eisdeadh sibh: ach rinn sibh an ni sin ata olc ann am shealladh; agus an ni sin anns nach robh tlachd agam-sa, roghnaich sibhse. 13 Air an aobhar sin mar fo deir an Tighearna Iehobhah: Feuch, ithidh m’ òglaich-sa, ach bidh gort oirbhse: feuch, òlaidh m’òglaich-sa, ach bidh tart oirbh-se; feuch, ni m òglaich-sa gairdeachas, ach maslaichear sibhse: 14 Feuch, seinnidh m’ òglaich-sa gu h-ard, air son aoibhneis cridhe; ach glaodhaidh sibhse gu h-ard, air fon doilgheis cridhe; agus ann an goith spioraid bhriste ni sibh ulartaich. 15 Agus fagaidh sibh ’ur n-ainm mar mhallachadh do m’ mhuinntir thaghta-sa; agus marbhaidh an Tighearna Iehobhah sibh; [TD 88] ISAIAH. CAIB. LXVI. agus òglaich gairmidh e air caochladh ainme. 16 Cò air bith a bheannuicheas e fein air an talamh, beannuichidh e e fein ann an Dia na firinn: agus cò air bith a mhionnaicheas air an talamh, mionnaichidh e air Dia na firinn. A chionn gu bheil gach uile champar roimhe so air a leigeil air di-chuimhn; isa chionn gu bheil iad air am falach gu leir o m’shùilibh. 17 Oir feuch, cruthaicheam-sa neamh nuadh, agus talamh nuadh; is cha bhi iad sin a bha roimhe ann air an cuimhneachadh, ni mò bheirear iad gu h-aire ni ’s mò. 18 Ach ni sibhse gairdeachas agus luaghair anns an linn ri teachd, a ni mis’ a chruthachadh. Oir feuch! cruthaicheam Ierusalem ’na cùis aoibhneis, agus a sluagh [’nan cùis] ghairdeachais; 19 Agus ni mi luaghair ann an Ierusalem, is aoibhneas ann am shluagh. Agus cha chluinnear ni ’s mò innte guth caoidh, no guth glaoidh teinn. 20 Ni ’s mò cha bhi innte ciochran gearr-shaoghalach; no seann duine nach do choilion a làithean: oir esan a gheibh bàs aig ceud bliadhna, bàsaichidh ’na leanabh; agus am peacach a bhàsaicheas aig ceud bliadhna, bidh air a mheas malluichte. 21 Agus togaidh iad tighean, is ni iad an àiteachadh; agus suidhichidh iad fion-liosan, agus ithidh iad d’an toradh. 22 Cha dean iadsan togail, agus neach eile sealbhachadh cha dean iadsan suidheachadh, agus neach eile itheadh: oir mar làithean craoibhe bidh làithean mo shluaigh-sa; agus caithidh iad a mach obair an làmha fein. 23 Mo mhuinntir thaghta cha saoithrich gu diomhain, ni mò ghineas iad sliochd gearr-shaoghalach; oir bidh iad ’nan siol beannuichte le Iehobhah; iad fein, agus an gineal maille riu. 24 Agus tarlaidh, mun gairm iadsan, freagraidh mise; bidh iad fathasd a’ labhairt, is mise ’n deigh cluinntinn. 25 Am madadh-alluidh agus an t-uan ionaltraidh le cheile; agus ithidh an leomhan connlach mar an damh: ach do thaobh na nathrach, is duslach is lòn dhise. Cha dochainn iad, ni mò mhilleas iad, ann am uile shliabh naomha-sa, deir Iehobhah. CAIB. LXVI. MAR so deir Iehobhah: Is iad na neamha mo rì-chathair: agus an talamh stòl mo choise: c’àit am bheil an tigh so, tha sibhs’ a’ togail air mo shon? is c’àit am bheil an t-ionad so mo chomhnuidh? 2 Oir na nithe so uile rinn mo làmh-sa; agus na nithe so uile ’s leamsa, deir Iehobhah. Ach a leithid so do neach bheir mi fanear, eadhon esan a ta umhal, agus aig bheil spiorad briste, ’s aig am bheil urram do m’fhacal. 3 Esan a ta casgairt daimh, tha e marbhadh duine, esan a ta ’g iobradh uain, a’ cur a chinn do mhadadh; esan a ta deanamh tabhartais, [a’ tairgseadh] fala mhuc; esan a ta losgadh tùise, a’ beannachadh iodhoil: seadh, roghnaich iad fein an sligheachan fein; agus ’nan gràinealachdaibh tha ’n anam a’ gabhail tlachd. 4 Roghnaichidh mise fòs an [TD 89] ISAIAH. CAIB. LXVI. truaighe-san; agus an ni roimh am bheil eagal aca bheir mi orra; a chionn gu do ghlaodh mi, is nach d’ thug aon neach freagradh, labhair mi agus cha ’n eisdeadh iad; agus rinn iad an ni ta olc ann am shealladh; agus an ni sin anns nach robh tlachd agamsa, roghnaich iadsan. 5 Eisdibhse focal Iehobhah, sibhs’ aig am bheil urram d’ a fhocal: abraibh ri ’r bràithribh aig am bheil fuath dhuibh; agus a ta ’ga’r n-iomain a mach, air sgàth m’ainme-sa: Bithidh Iehobhah air a ghlorachadh, is bithidh e air a leigeadh ris: [bithidh e air a leigeadh ris] a chum aoibhneis duibhse, ’s bidh iadsan air an cur gu h-amhluadh. 6 ¶ Guth ioma-ghaoir o’n Chaithir! guth o’n Teampull! guth Iehobhah! ag ìocadh dioghaltais r’a naimhdibh. 7 Mun robh i ann an saothair, rug i; mun d’thainig a h-ioghanna, dh’asaideadh i do leanabh firionn. 8 Cò chual a leithid so do ni? agus co chunnaic an leithide so do nithibh? Am bheil dùthaich air a breith ann an latha? am bheil cinneach air a bhreith ann an tiota! Oir cha luaithe bha Sion ann an saothair, na rug i a clann. 9 An toir mise gus a’ bhreith, agus nach toir mi fanear gu beirear? deir Iehobhah: an dean mise, a ghineas, a’ bhreith a bhacadh! deir do Dhia. 10 Deanaibh gairdeachas le Ierusalem, is bithibh luaghaireach air a son, sibhs’ uile le ’n ionmhuinn i, bithibh ro-aoibhneach leatha, sibhs’ uile ta ri bròn os a cionn. 11 A chum gu deobhladh, is gu biodh sibh sàsuichte, o bhrollach a co-fhurtachda; a chum gu tairngeadh sibh beatha bhlasda, o h-ionnasaidh saibhir. 12 Oir mar so deir Iehobhah: Feuch, sgaoil mise soirbheachadh thairte, mar an Abhainn mhor; agus mar an Sruth sgaoilteach stòras nan cinneach: agus deobhlaidh sibh air a’ bhrollach; giulainear sibh air an leis; agus air na glùinibh altrumar sibh. 13 Mar aon d’am bheil a mhathair a’ toirt co-fhurtachd, mar sin bheir mise co-fhurtachd dhuibhse: agus ann an Ierusalem gheibh sibh toil-inntin. 14 Agus chi sibh e, ’s ni bhur cridhe gairdeachas; is bidh ’ur cnàmhan ùrar, mar an luibh ghorm: agus bidh làmh Iehobhah air a foillseachadh d’a òglaich: agus bidh e air a dhùsgadh le corruich an aghaidh a naimhdean. 15 Oir, feuch! thig Iehobhah mar theine; ’s a charbad, mar chuairt-ghaoth: a sheideadh a mach a chorruich ann an teas loisgeach, agus achasain ann an lasraichibh teine. 16 Oir le teine cuiridh Iehobhah an gniomh breitheanas; agus le chlaidheamh, air gach uile fheoil; is bidh moran air am marbhadh le Iehobhah. 17 Iadsan a ta ’gan naomhachadh fein, agus ’gan glanadh fein, anns na liosaibh, do reir ghnàthaichean Achaid; ann am meadhon na muinntir sin a ta ’g itheadh feola mhuc, agus na gràinealachd, agus na lucha-machrach; le cheile bàsaichidh iad, deir Iehobhah. 18 Oir is aithne dhomhsa an [TD 90] ISAIAH. CAIB. LXVI. gniomhara, agus an innleachdan: agus tha mi teachd a chruinneachadh nan uile chinneach agus theanganna le cheile; agus thig iadsan agus chi iad mo ghloir. 19 Agus bheir mi dhoibhsin comhara; agus do’n mhuinntir a theid as cuiridh mi chum nan cinneach; gu Tarsis, Phul, agus Lud, a thairngeas am bogha; gu Tubal, agus Iabhan, na criochan ro-fhad as: gus a’ mhuinntir nach cuala riamh m’ainm; is nach faca riamh mo ghloir: agus cuiridh iad an ceill mo ghloir am measg nan cinneach. 20 Agus bheir iad ’ur n-uile bhràithrean, o na h-uile chinnich, air son tabhartais do Iehobhah; air eachaibh, agus air uirighibh, agus air cràdh-leapaichibh; air muilidhibh, agus air dromadairibh; gu m’ shliabh naomha-sa Ierusalem, deir Iehobhah. Amhuil a thug mic Israeil an tabhartas, ann an soithichibh glana, gu tigh Iehobhah. 21 Agus dhiubhsan mar an ceudna gabhaidh mi, air son shagart, agus air son Lebhitheach, deir Iehobhah. 22 Oir amhuil a sheasas na neamha nuadh, agus an talamh nuadh, a ta mi cruthachadh, gu siorruith ann am fhianuis, deir Iehobhah; mar sin mairidh ’ur sliochd-sa, agus ’ur n-ainm. 23 Agus tarlaidh, o ghealaich ùir gu gealaich ùir, is o shàbaide gu sàbaide; gu d’thig na h-uile feoil a dheanamh aoraidh ann am làthair-sa, deir Iehobhah. 24 Agus theid iad a mach, agus chi iad conablacha nan daoine a rinn ar a mach a’m’ aghaidhsa. Oir an cnuimh cha bhàsaich, agus an teine cha mhùchar; agus bithidh iad ’nan cùis-ghràin do na h-uile fheoil. [TD 91] IEREMIAH. CAIB. I. CAIB. I. BRIATHRAN Ieremiah mhic Hilciah, aon do na sagairt a bha ’n Anatot ann am fearann Bheniamin; 2 Gus an d’thainig focal Iehobhah ann an laithibh Iosiah mhic Amoin righ Iudah, anns an treas bliadhna deug d’a linn. 3 Thainig e mar an ceudna ann an laithibh Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah, gu ceann aon bhliadhna deug Shedeciah mhic Iosiah righ Iudah, gus an d’thugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chuigeamh mios. 4 Thainig eadhon focal Iehobhah do m’ ionnsuidh-sa, ag radh: 5 Mun do dhealbh mi thu sa bhroinn, b’ aithne dhomh thu; agus mun d’thainig thu mach o’n bhreith, chuir mi air leth thu; mar fhàidh do na cinnich rinn mi do shonrachadh. 6 An sin thuirt mise, Och! a Thighearna Iehobhah, feuch, cha ’n aithne dhomhsa labhairt; oir is leanabh mi. 7 Agus thubhairt Iehobhah rium, Na abair, Is leanabh mi: ach a chum na h-uile gus an cuir mise thu, theid thu; agus ciod sam bith a dh’ àithneas mi dhuit, labhraidh tu. 8 Na biodh eagal ort roimh an gnùis; oir bidh mise maille riut a chum do thearnadh, arsa Iehobhah. 9 Agus chuir Iehobhah mach a lamh, agus bhean e ri m’ bheul. Agus thubhairt Iehobhah rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad’ bheul. 10 Feuch, thug mi dhuit cumhachd air an là ’n diugh os cionn chinneach agus os cionn rioghachdan, gu spionadh a nios, agus gu tarruing a nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; agus gu togail, agus gu suidheachadh. 11 ¶ Agus thainig focal Iehobhah do m’ ionnsuidh, ag radh, Ciod a tha thu faicinn, a Ieremiah? Agus thuirt mise, Tha mi faicinn slaite do chraoibh almoin. 12 Agus thubhairt Iehobhah rium, Is ceart a chunnaic thu: oir deifrichidh mise m’ fhocal a chum a choilionadh. 13 Agus thainig focal Iehobhah do m’ionnsuidh an dara uair, ag radh, Ciod a tha thu faicinn? Agus thuirt mise, Tha mi faicinn coire a’ cur a mach toite; agus aghaidh air a tionndadh o’n airde tuath. 14 Agus thubhairt Iehobhah rium, O’n airde tuath bristidh an t-olc a mach air uile luchdàiteachaidh na tìre. 15 Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rioghachdan na h-airde tuath, arsa Iehobhah; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rì-chathair, aig dol asteach gheat- [TD 92] IEREMIAH. CAIB. II. achan Ierusaleim, agus air a bhallachan uile mu’n cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iudah. 16 Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an ceill ’nan aghaidh airson an uile dhò-bheairt; a chionn gu do threig iad mise, ’s gu do loisg iad tùis do dhéibh eile, ’s gu do shleuchd iad do oibribh an làmha fein. 17 Criosluich thusa suas uime sin do leasraidh, agus eirich, agus labhair riu na h-uile nithe dh’ àithneas mise dhuit; na biodh sgàth ort rompa, le h-eagal gu cuir mise gu h-amhluadh thu ’nam fianuis. 18 Oir mise, feuch, rinn mi dhiot an diugh amhuil caithir dhaighnichte, agus amhuil post iaruinn, agus amhuil balladh umha, ’n aghaidh na tìre so uile; an aghaidh righrean Iudah, an aghaidh a mor-uaislean, an an aghaidh a sagartan, agus an aghaidh sluaigh na tìre: 19 Agus cathaichidh iad ann a d’aghaidh, ach cha toir iad buaidh ort: oir bidh mise maille riut, arsa Iehobhah, chum do thearnadh. CAIB. II. THAINIG focal Iehobhah mar an ceudna do m’ionnsuidh, ag radh. 2 Imich agus glaodh ann an cluasaibh Ierusaleim, ag radh; Mar so deir Iehobhah, Chuimhnich mise as do leth, an caoimhneas [a nochd mi dhuit] ann a d’òige, gradh do cheangail-pòsaidh, ’nuair a chaidh thu fo m’stiuradh trìd na fasaiche, trìd fearainn nach do threabhadh. 3 Is ni naomha do Iehobhah Israel, ceud thoradh a chinneis: iadsan uile ta ’ga shlugadh a suas, bithidh iad ciontach, ni aimhleas an glacadh, arsa Iehobhah. 4 ¶ Eisdibhse focal Iehobhah, O thigh Iacoib, agus uile theaghlaichean tighe Israeil. 5 Mar so deir Iehobhah; Ciod an ea-ceairt a fhuair ’ur n-aithrichean annam-sa, gu d’ imich iad fada uam, is gu do ghluais iad an deigh diomhanais, agus diomhain dh’ fhàs iad? 6 Agus cha dubhairt iad, C’àit am bheil Iehobhah, esan a thug a nios sinn o thìr na h-Eiphit, a stiur sinn trìd na fàsaiche, trìd fearainn mhor-fhàsach agus shlochd, trìd fearainn tairt agus sgàile bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine roimhe, agus far nach do ghabh duine riamh comhnuidh? 7 Thug mi sibh mar an ceudna gu duthaich thorthaich, a dh’itheadh a toraidh, agus a maitheis; ach an uair a thainig sibh a steach, thruaill sibh m’fhearann, agus m’ oighreachd rinn sibh ’na gràinealachd. 8 Na sagairt cha dubhairt, C’àit am bheil Iehobhah? agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’ aithne dhoibh mise: na h-aodhairean fòs rinn ceannairc ann an aghaidh; agus na fàidhean rinn fàisneachd le Baal, agus lean iad nithe nach toir dhoibh buannachd. 9 Uime sin tagraidh mise ruibh fathasd, deir Iehobhah, agus ri cloinn ’ur cloinne tagraidh mi. 10 Oir siubhlaibh thairis gu criocha Chitim, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar, is [TD 93] IEREMIAH. CAIB. II. thugaibh geur-aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid so. 11 An do chaochail cinneach an dée, eadhon iad sin nach robh idir ’nan dée? Ach mo shluagh-sa chaochail an gloir airson ni gun bhuannachd. 12 Biodh ioghnadh oirbh, O neamha mu’n ni so, is biodh uabhas eagail oirbh; bithibh air ’ur bualadh gu trom le h-uamhunn, arsa Iehobhah. 13 Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gniomh: threig iad mise tobar nan uisgeacha beo; agus chladhaich iad amach dhoibh fein sluichd, sluichd ea-dionach, nach cum uisge. 14 ¶ An tràill Israel? No ma ’s ann do chloinn an teaghlaich e, com’ an d’rinneadh e ’na chobhartach? 15 Beucaidh na leomhain òga ’na aghaidh; thog iad an aird an guth, rinn iad fhearann ’na fhàsaich; tha bhailtean air an losgadh, gun aon ’gan àiteachadh. 16 Clann Noiph is Tahpaneis mar an ceudna ni mullach do chinn a bhristeadh, 17 Nach do choisinn thu so dhuit fein, a chionn gu do threig thu Iehobhah do Dhia, an uair a bha e ’ga d’stiuradh anns an t-slighe? 18 Agus a nis ciod do ghnothuch-sa ri slighe na h-Eiphit, a dh’òl uisgeachan Shihoir? No ciod do ghnothuch ri slighe Asiria, a dh’òl uisgeachan na h-Aibhne! 19 Smachdaichidh d’aingeachd fein thu, ’s ni do chùl-sleamhnachadh fein do chronuchadh: aithnich uime sin agus faic, gur olc agus searbh an ni, gu do threig thu Iehobhah do Dhia, agus nach ’eil m’ eagal-sa annad, deir an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh. 20 Gu deimhin o chian fada bhrist thu do chuing, sgaoil thu do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi umhal. Oir air gach cnoc ard, is fo gach craoibh uaine, tha thu dol air seachran ri striopachas. 21 Gidheadh shuidhich mise thu ann a d’fhineamhuinn uasail, gu h-iomlan ann a d’shiol ceart: ach cionnus a chaochail thu orm! Uam thu, O fhineamhuinn a dh’fhàs gun mhiadh air bith. 22 Oir ge do nigheas tu thu fein le acfuinn-nighe, ’s ge do ghabhas tu moran culaidh-ghlanaidh, tha d’ aingeachd air a comharachadh le sal ann am lathair-sa, deir an Tighearna Iehobhah. 23 Cionnus a dh’fheudas tu radh, Cha’n ’eil mi salach, cha deachaidh mi an diaigh Bhaalim? Feuch do shlighe anns a’ghleann; aidich ciod a rinn thu. 24 Luath [gu olc] mar dhromedari’g imeachd ’na slighe; mar asail fhiadhaich cleachdta ri aonach, a thairngeas a’ ghaoth suas ’na cuinneanaibh, ann an ciocras a h-anama; an tra thig a miann cò philleas i? Iadsan uile bhios air a tòir, cha’n fhaigh iad saothair, an uair a theid a h-ain-theas seachad gheibh iad i. 25 Cum do chas o bhi ruisgte, agus do mhuineal o thart. Ach thuirt thusa, Cha’n ’eil leigheas air a’ chùis a nis; cha chum; oir ghradhaich mi coigrich, agus ’nan diaigh theid mi. 26 Mar a bhios nàire air meirleach an uair a ghlacar e; [TD 94] IEREMIAH. CAIB. III. mar sin chuireadh gu nàire tigh Israeil, iad fein, an righrean, agus an uachdarain, agus an sagairt, agus am fàidhean: 27 A ta ’g radh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu ghin mi; oir thionndaidh iad riums’ an cùl, is cha ’n i an aghaidh; ach ann an am an airce their iad, Eirich; agus teasairg sinn. 28 Ach c’àit am bheil do dhée a rinn thu dhuit fein? Eireadh iadsan, ma ’s urradh iad do thearnadh ann an am do chruai’-chais: oir do reir àireimh do bhailtean bha do dhée, O Iudah. 29 C’arson a thagras sibh riumsa? chiontaich an t-iomlan dibh a’m’ aghaidh, deir Iehobhah. 30 Gu diomhain bhuail mi bhur clann; cha do ghabh iad cronuchadh. Shluig ’ur claidheamh fein ’ur fàidhean, amhuil leomhan millteach. 31 O sibhse do’n ghinealach so, feuchaibh cùis Iehobhah: An robh mise ann am fhàsaich do Israel? ann am fhearann dorchadais? com’ an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirn fein; cha d’thig sinn ni ’s mò thugadsa? 32 Am feud òg-bhean a h-usgraichean a dhearmad? bean-bainnse a culaidh! Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise laithean gun aireamh. 33 Com’ an seol thu do shlighe a dh’ iarruidh gaoil? air an aobhar sin fòs seolaidh mise dòrainnean air do shlighean-sa. 34 Fhuaradh ann ad’ sgiobul mar an ceudna fuil anama nan neo-chiontach bochda: cha’n ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi mach i, ach air a craobh-sgaoileadh. 35 Gidheadh tha thu ’g radh, A chionn gu bheil mi neo-chiontach, gu cinnteach pillidh a chorruich uam. Feuch tionnsgnaidh mise ann am breitheanas riut, a chionn gu bheil thu ’g radh, Cha do pheacaich mi. 36 Com’ am bi thu co ro-luaineach a chaochladh do shlighe? bidh fathasd nàire ort do’n Eiphit amhuil a bha nàire ort do Asiria. 37 Seadh cuideachd theid thu mach as so, le d’làmhan air do cheann: oir dhiult Iehobhah cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu. CAIB. III. THEIR iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gu’n imich i uaith, is gu gabh i le fear eile, am pill e da h-ionnsuidh a rìs? nach bi am fearann sin gu ro-mhor air a thruailleadh? Ach rinn thusa striopachas le moran leannan; gidheadh pill riums’ a rìs, deir Iehobhah. 2 Tog do shùilean asuas ris na h-ionadaibh arda, agus feuch; cia an t-àit anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu ’gam feitheamh anns na slighibh, mar an t-Arabach san fhàsaich; agus shalaich thu am fearann le d’ striopachas agus le d’ dhroch-bheairt. 3 Agus ge do chumadh na frasan air an ais, agus an t-uisge deireannach ge nach robh ann; gidheadh agadsa bha eudann striopaiche, chuir thu cùl ri nàire. [TD 95] IEREMIAH. CAIB. III. 4 Nach gairm thu ormsa o’n uair so, [ag radh] M’ athair, fear-stiuraidh m’ oige, bu tusa sin? 5 An gleidhear fearg gu bràth? an cumar corruich gu siorruith air chuimhne?—Feuch, labhair, agus rinn thu; aingeachd [chuir thu ’n gniomh,] agus chaidh [sin] leat. 6 ¶ Thubhairt Iehobhah rium fòs ann an laithibh Iosiah an righ, Am faca tu ciod a rinn Israel chùl-sleamhnach? Chaidh i suas air gach aon sliabh ard, is fo gach aon chrann gorm, agus an sin rinn i striopachas. 7 Agus thubhairt mise, ’n deigh dh’i so uile a dheanamh, Pill do m’ ionnsuidh-sa: ach cha do phill i. Agus chunnaic a piuthar fhealltach Iudah so. 8 Agus chunnaic mise, ’nuair a rinn mi, air son na h-uile adhaltruis anns an robh Israel chùl-sleamhnach ciontach, a cur air falbh, agus litir-dhealachaidh thoirt d’i, gidheadh nach do ghabh a piuthar fhealltach Iudah eagal, ach gu d’imich i, agus gu d’rinn i fein striopachas mar an ceudna. 9 Agus tharladh, le ro-mheud a tograidh gu neo-ghloine, gu do thruaill i am fearann, is gu d’rinn i adhaltrus le clachaibh agus le crannaibh. 10 Agus fòs an deigh so uile cha do phill a piuthar fhealltach Iudah riumsa le h-uile chridhe, ach gu cealgach, arsa Iehobhah. 11 Uime sin thuirt Iehobhah riumsa. Is mò dh’fhireanaich Israel chùl-sleamhnach i fein na Iudah chealgach. 12 Imich agus glaodh na briathran so fa chomhair na h-airde tuath, agus abair; Pill, O Israeil chùl-sleamhnach, arsa Iehobhah, cha toir mis’ air mo chorruich tuiteam ort; oir tha mise trocaireach, deir Iehobhah, cha ghleidh mi gu bràth m’fhearg. 13 A mhàin aidich do chionta; gu d’ rinn thu ar a mach an aghaidh Iehobhah do Dhia; ’s gu d’ rinn thu do shligheachan coitchionn do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach d’thug thu geill do m’ ghuth-sa, deir Iehobhah. 14 Pillibh, O chlann cheannairceach, arsa Iehobhah, oir tha mise pòsda ruibh: agus gabhaidh mi sibh, aon a baile, agus dithis a teaghlach, agus bheir mi sibh gu Sion. 15 Agus bheir mi dhuibh aodhairean do reir mo chridhe fein, agus beathaichidh iad sibh le h-eolas agus le tuigse. 16 Agus tarlaidh, an uair a theid sibh an lionmhoireachd agus am meud anns an fhearann, anns na laithibh sin, deir an Tighearna, cha’n abair iad ni ’s mò, Airce co-cheangail Iehobhah, ni mò thig i ’nan aire, ni mò chuimhnicheas iad i, ni mò bheir iad suil ’na deigh, ni mò bhios i air a deanamh tuille. 17 Anns an am sin theirear ri Ierusalem rì-chathair Iehobhah; agus bidh tathaich nan uile chinneach d’a h-ionnsuidh, air sgàth ainme Iehobhah a bhitheas ann an Ierusalem; agus cha ghluais iad ni ’s mò do reir an-miann an droch chridhe fein. 18 Anns na laithibh sin theid tigh Iudah gu tigh Israeil; agus thig iad le cheile mach as an tìr mu thuath, a chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh do ’r n-aithrichibh. [TD 96] IEREMIAH. CAIB. IV. 19 Agus ’nuair a thubhairt mi, Cionnus a bheir mi àite dhuit am measg mhac, agus a bheir mi dhuit am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach shluagh nan cinneach? an sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha phill thu air d’ais o m’ leantuinn. 20 Gu deimhin, mar a chlaonas bean neo-dhìleas o a fear-pòsda, mar sin bhuin sibhse gu neo-dhìleas riumsa, o thigh Israeil, deir Iehobhah. 21 Chualas guth air na h-ionadaibh arda; caoidh agus achuinge cloinne Israeil; a chionn gu do chlaon iad an slighe; dhi-chuimhnich iad Iehobhah an Dia. 22 Pillibh, o chlann chùl-sleamhnach, leighisidh mise bhur cùl-sleamhnachaidh. Feuch tha sinn a’ teachd do d’ ionnsuidh, oir is tu Iehobhah ar Dia. 23 Gu deimhin cha’n ’eil ach mealltaireachd anns na cnocaibh, diomhanas anns na sleibhtibh; gu deimhin ann an Iehobhah ar Dia-ne tha slainte Israeil. 24 Ach dh’ ith an ni nàrach sin a suas saothair ar n-aithrichean o’r n-oige; an caoirich, agus am buar, am mic, agus an nigheana. 25 Luidhidh sinn a sios ’nar nàire, agus thig ar masladh tharuinn; a chionn gu do pheacaich sinn an aghaidh Iehobhah ar Dia, sinn fein agus ar n-aithrichean, o’r n-òige eadhon gus an diugh, agus nach robh sinn umhal do ghuth Iehobhah ar Dia. CAIB. IV. MA philleas tu a rìs, O Israeil, deir Iehobhah, do m’ionnsuidh-sa pillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan, o m’ làthair-sa cha ghluaisear thu: 2 Ach mionnaichidh tu, Mar is beo Iehobhah, ann am firinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas; agus beannuichidh na cinnich iad fein annsan, agus annsan ni iad uaill. 3 Uime sin, mar so deir Iehobhah ri fearaibh Iudah agus ri Ierusalem; Bristibh a suas ’ur fearann le treabhadh, agus na cuiribh am measg dhroighionn. 4 Bithibh air ’ur tiomchioll-ghearradh do Iehobhah, agus thugaibh air falbh roi’-chraicinn ’ur cridheachan, O fheara Iudah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim; mun d’ theid mo chorruich-sa mach mar theine, ’s mun las i, air chor as nach feudar le neach a mùchadh, air son aingeachd ’ur gniomhara. 5 Cuiribhse ’n ceill ann an Iudah, agus ann an Ierusalem deanaibh follas, agus abraibh; Séidibh an trompaid anns an fhearann; ard-éighibh, agus abraibh, Cruinnichibh le cheile, agus rachamaid a steach do na caithrichean daighnichte. 6 Cuiribh suaicheantas asuas, ann an Sion, rachaibh air ’ur n-ais, na seasaibh; oir tha mise gu olc a thoirt o ’n airde tuath, eadhon leir-sgrios mor. 7 Thainig an leomhan a nios o chuilidh, is tha milltear nan cinneach air a thurus; dh’imich e mach as àite chum fàsach a dheanamh do d’ fhearann; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor as nach bi aon ’gan àiteachadh. 8 Air an aobhar sin criosluichibh sibh fein le sac-éideadh, caoidh- [TD 97] IEREMIAH. CAIB. IV. ibh, agus guilibh; a chionn nach ’eil fraoch feirge Iehobhah air a pilleadh air falbh uaith. 9 Agus tarlaidh anns an là sin, deir Iehobhah, gu bàsaich cridhe an righ, agus cridhe nan ard-uaislean agus bidh amhluadh air na sagairt, agus uabhas air na faidhean. 10 An sin thuirt mise, Och! a Thighearna Iehobhah! gu cinnteach mheall thu gu tur an sluagh so agus Ierusalem, ag radh, Bidh sìth agaibh; an uair a tha’n claidheamh a’ ruigheachd gu ruig an t-anam. 11 Anns an am sin theirear mu thimchioll an t-sluaigh so agus mu thimchioll Ierusaleim; Gaoth loisgeach ann an ionadaibh sgaoilte na fasaiche [thig] rathad nighine mo shluaigh-sa, cha’n ann gu fasgnadh no gu glanadh; 12 Treun-ghaoth mhallachuidh, thig air mo ghuth-sa; a nis fòs tionnsgnaidh mi fein air breitheanas ’nan aghaidh. 13 Feuch, mar neoil thig e nios; mar chuairt-ghaoth bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne! oir tha sinn creachta. 14 Glan o dhroch-bheairt do chridhe, O Ierusaleim, a chum as gu tearnar thu, Cia fhad a ghabhas do smaointean aingidh comhnuidh an taobh a stigh dhiot! 15 Oir tha guth ag éigheach o Dhan, agus a’ cur aingeachd an ceill o shliabh Ephraim. 16 Glaodhaibhse ris na cinnich, Feuch! Cuiribh an ceill mu thimchioll Ierusaleim, gu bheil luchd-freiceadain a’ teachd o dhùthaich fad as, agus gu tog iad asuas an guth ann an aghaidh bhailtean Iudah. 17 Mar luchd-coimhid faiche tha iad mu’n cuairt d’i, a chionn gu d’ rinn i ar a mach ann am aghaidh-sa, deir Iehobhah. 18 Do shlighe agus do dheanadas choisinn duit am mallachd so; is amhuil sin do dhòrainn; oir is plàigh i gu ruig do chridhe. 19 Mo chom, mo chom air a chràdh, ballachan mo chridhe; an taobh a stigh dhiom tha mo chridhe ri fuaim; cha’n urradh mi fantuinn a’m’ thosd; a chionn gu cuala tu, O m’ anam! guth na trompaide, gaoir a’ chatha. 20 Tha leir-sgrios air lorg leir-sgrios a’ teachd; gu cinnteach tha ’n tìr gu h-iomlan creachta: gu h-obann chreachadh mo phailliuna, mo sgàileachan ann an tiota. 21 Cia fhad a chi mi a’bhratach? a chluinneas mi fuaim na trompaide? 22 Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eolas; is clann aig nach ’eil tuigs’ iad, agus tha iad air dhiobhail ceille: tha iad seolta gu leor a dheanamh uilc, ach gu maith a dheanamh cha’n ’eil aca bheag do eolas. 23 ¶ Chunnaic mi an talamh, agus, feuch! aimh-réite agus faoineachd; na neamha fòs, is bha iadsan gun solus. 24 Chunnaic mi na sleibhtean, agus, feuch! chriothnuich iad; agus bha na cnuic uil’ air an luasgadh. 25 Dh’ amhairc mi, agus, feuch! cha robh aon duine ann; agus uile eoin na h-ealtuinn, theich iad. 26 Dh’ amhairc mi, agus, feuch! a’mhachair thorthach ’na [TD 98] IEREMIAH. CAIB. V. fàsaich, agus a h-uile bhailtean air an tilgeadh a sios, roimh lathair Iehobhah, roimh dhian-theas fheirge. 27 Oir mar so deir Iehobhah, Bidh an fearann gu h-iomlan air fhàsachadh, ach leis sin a mhàin cha dean mise criochnachadh. 28 Air son so ni an talamh bròn, agus còmhdaichear na neamha le dorchadas tiugh; a chionn gu do labhair mise, agus cha ghabh mi aithreachas; chuir mi romham, agus cha d’theid mi air m’ ais uaith. 29 Roimh iolaich nam marcach agus nam fear-bogha, tha gach caithir a’ teicheadh; chaidh iad a steach do thiugh-choilltean, agus streap iad a suas air na creagan: tha na h-uile bhailtean air an treigsinn, is aon duine cha ’n ’eil ’gan àiteachadh. 30 Agus thusa, ’n aghaidh creachaidh, ciod a ni thu? Ge d’ éid thu thu fein le corcur, ge do sgeadaich thu thu fein le culaidhean òrdha, ge d’ ung thu do rosgan le dathaibh, gu diomhain ni thu thu fein sgiamhach: nithear tàir ort le d’ leannain, air d’anam tha iad an tòir. 31 Gu cinnteach chuala mi glaodh amhuil mnà ri saothair, teanntachd amhuil mnà ri breith a ceud leinibh; glaodh nighine Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, [agus ag radh] Mo thruaighe mise nis! oir tha m’ anam air a chlaoidh le luchd a’mhortaidh. CAIB. V. RUITHIBH air ’ur n-ais agus air ’ur n-aghaidh feadh shràidean Ierusaleim, agus faicibh a nis, agus biodh fios agaibh, agus iarruibh ’na h-ionadaibh farsuing, am faigh sibh aon duine, am bheil neach sam bith ann a ta cur an gniomh breitheanais, a ta ’g iarruidh na firinn; agus bheir mise dh’i maitheanas. 2 Ach ge do their iad, Mar is beo Iehobhah, gu deimhin tha iad a’ mionnachadh gu breugach. 3 O Iehobhah, nach ’eil do shuilean-sa air an fhirinn? Bhuail thu iad, ach cha d’rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiult iad gabhail ri smachdachadh: rinn iad an aghaidh ni ’s cruaidhe na creag, dhiult iad pilleadh. 4 An sin thuirt mise, Gu cinnteach is iad so na mithean, a bhuin co amaideach, a chionn nach b’aithne dhoibh slighe Iehobhah, breitheanas an De. 5 Bheir mi orm na maithean, agus labhraidh mi riu-san; oir is aithne dhoibh-san slighe Iehobhah, breitheanas an De. Ach spealg iad so gu h-iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a cheile na cuibhrichean. 6 Uime sin ni leomhan as a’ choillidh an sgrios, ni madadh-alluidh na fàsaich am milleadh; os cionn am bailtean ni liopard faire; gach aon a theid a mach asda reubar e ’na bhloighdibh: a chionn gu bheil an lochdan lionmhor, an cùl-sleamhnachadh minic. 7 Cionnus a mhaitheas mi so dhuit? threig do chlann mise, agus mhionnuich iad orra sin nach ’eil idir ’nan dée: an uair a shàsuich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltrus, agus ann an tigh na striopaiche chruinnich iad ’nam buidhnichibh. 8 Bha iad mar òigeich bhiadhta [TD 99] IEREMIAH. CAIB. V. sa mhadainn; gach aon a’ sitrich an deigh mnà a choimhearsnaich. 9 Air son nan nithe so nach d’thig mise d’an amharc? deir Iehobhah; agus air a’ leithid so do chinneach nach dean m’anam dioghaltas? 10 ¶ Rachaibhse suas air a ballachan, agus sgriosaibh, agus na deanaibh criochnachadh; thugaibh air falbh a daighnichean, air cha bhuin iad do Iehobhah. 11 Oir bha iad neo-dhìleas dhomh-sa ann an tomhas ro-mhor, tigh Israeil agus tigh Iudah, deir Iehobhah. 12 Dh’aicheidh iad Iehobhah, agus thubhairt iad, Cha’n e a t’ann; ni mò thig olc oirn; agus an claidheamh no ghort cha’n fhaic sinn: 13 Ach bidh na fàidhean mar ghaoith, is cha’n ’eil am focal annta: mar so nithear orra fein. 14 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; A chionn gu bheil sibh ag labhairt an fhocail so, feuch ni mise m’ fhocal ann a d’bheul-sa ’na theine, ’s an sluagh so ’na chonnadh, agus loisgidh e suas iad. 15 Feuch bheir mi ann ’ur n-aghaidh cinneach o chéin, O thigh Israeil, deir Iehobhah: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro-shean e; cinneach nach aithne dhuit an cainnt, ni mò thuigeas tu ciod a their iad. 16 Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile ’nan daoine treuna. 17 Agus caithidh iad d’fhoghara, agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheana: caithidh iad do chaoirich agus do chrodh; caithidh iad d’fhineamhuinnean agus do chranna-fìge; ni iad bochd leis a’chlaidheamh na bailtean daighnichte, as an robh agad earbsa. 18 Agus fòs anns na laithibh sin, deir Iehobhah, cha dean mise ruibh criochnachadh. 19 Agus tarlaidh, an uair a their sibh, Com’ an d’rinn Iehobhah ar Dia ruinn na nithe so uile? an sin freagraidh tus’ iad, Amhuil a threig sibhse mise, ’s a thug sibh seirbhis do dhéibh coimheach ann ’ur fearann; mar sin bheir sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fein. 20 ¶ Innsibhse so ann an tigh Iacoib, agus cuiribh an ceill e ann an Iudah, ag radh; 21 Eisdibh so a nis, O shluagh amaideach agus mhi-cheillidh, aig am bheil sùilean, ach nach faic; aig am bheil cluasan, ach nach cluinn. 22 Nach bi eagal oirbh romham-sa, deir Iehobhah? nach criothnuich sibh ann am lathair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch do’n fhairge; le ordugh sior-bhuan, nach feud i dol thairte: ge d’luaisg a tuinn iad fein, cha toir iad buaidh; ge d’bheuc iad, cha d’theid iad ni ’s faide? 23 Ach aig an t-sluagh so tha cridhe eas-umhal agus ceannairceach: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh. 24 Ni mò deir iad ’nan cridhe, Biodh a nis eagal an Tighearna ar Dia oirn, a tha toirt uisge, faraon anns an tùs agus fa dheire, ’na am fein; seachduinean suidhichte an fhogharaidh tha e gleidheadh air ar son. 25 Phill ’ur n-aingeachd na [TD 100] IEREMIAH. CAIB. VI. nithe so air falbh; is chum ’ur lochdan an ni ta maith air ais uaibh. 26 Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh liontan; tha iad a’ leagail ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine. 27 Mar eun-ribe ta làn eun, mar sin tha an tighean làn do cheilg: uime sin tha iad air fàs mor, is air cinntin saibhir. 28 Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh thug iad barr air gniomha nan aingidh: cha’n ’eil iad a’ toirt breth air a’ chùis, cùis an dilleachdain, a chum gu soirbhich i; agus còir an uireasbhuich chan ’eil iad a’ seasamh. 29 Air son nan nithe so nach d’thig mise d’an amharc? deir Iehobhah; air a’ leithid so do chinneach nach dean m’anam dioghaltas? 30 Tha ni uabhasach is ro-eagalach ’ga chur an gniomh anns an fhearann. 31 Tha na fàidhean ri fàisneachd bhreige; ’s na sagairt a’toirt doibh na laimhe deise; agus is ait le m’shluagh-sa e bhi mar sin: ach ciod a ni sibh ann an deireadh na cùise? CAIB. VI. TEICHIBH gu h-iomlan, O mhaca Bheniamin, a mach a meadhon Ierusaleim, is ann an Tecoa séidibh an trompaid; air Bet-acerem fòs cuiribh asuas comhara teine: air tha olc a’ teachd an sealladh o’n airde tuath, agus dòrainn mhor. 2 Cosmhuil ri àit-ionaltraidh taitneach rinn mise nighean Shioin. 3 D’a h-ionnsuidh thig na buachaillean le ’n treudaibh: suidhichidh iad am pailliuna ’na h-aghaidh air gach taobh; ionaltraidh iad gach aon ’na àite fein. 4 Deasaichibh cogadh ’na h-aghaidh: Eiribh, agus rachamaid a suas ann am meadhon an là: Mo thruaighe sinne! oir tha’n là dol seachad; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a mach. 5 Eiribh, agus rachamaid a suas anns an oidhche, agus milleamaid a lùchairtean. 6 Oir mar so labhair Iehobhah Dia nan sluagh; Gearraibh a sios craobhan, agus tilgibh torr an aghaidh Ierusaleim: is i so a’ chaithir a ta gu bhi air a smachdachadh; cha’n ’eil innte gu h-iomlan ach sàruchadh an taobh a stigh dh’i. 7 Amhuil a chuireas tobar a mach uisgeachan, mar sin tha ise a’ cur a mach a droch-bheairt: tha ain-neart agus creach ri chluinntinn innte; fa m’chomhair-sa do ghnà tha bròn agus beumannan. 8 Bi air do leasachadh, O Ierusaleim, air eagal gu dealuich m’ anam-sa riut: air eagal gu dean mi fàsach dhiot; fearann neo-àitichte. 9 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Dìolumaidh iad gu buileach mar fhineamhuinn iarmad Israeil; pill air a h-ais do làmh, mar fhear-tionail nam fion-dhearcan gus na cliabha. 10 Cò ris an labhair mi, ’s d’an toir mi rabhadh, air chor as gu cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timchioll-ghearradh, is cha’n urradh iad eisdeachd: [TD 101] IEREMIAH. CAIB. VI. feuch tha focal Iehobhah leo-san ’na mhasladh: cha’n ’eil tlachd air bith ac’ ann. 11 Air an aobhar sin tha mise làn do chorruich; tha mi sgìth d’a cumail asteach: dòirtidh mi mach i air a’ chloinn anns na sràidibh, is air an òigridh a ta cruinn le cheile: seadh glacar am fear, agus fòs a’ bhean, esan a ta ’n tréine a neairt maille ris an ti bhios làn do làithibh. 12 Agus bheirear thairis an tighean do dhaoinibh eile, am fearann is na mathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo lamh a mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir Iehobhah. 13 Oir o’n aon is lugha gus an aon is mò dhiubh, tha gach neach ’ga thoirt fein asuas d’a an-miannaibh; agus o’n fhàidhe fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnathachadh ceilge. 14 Leighis iad mar an ceudna lot nighine mo shluaigh-sa gu faoin, ag radh, Sìth, sìth, is gun sìth idir ann. 15 An robh nàir’ orra chionn gu do chuir iad gràinealachd an gniomh? ni h-eadh, cha robh iad nàrach air aon chor; ni mò ghabh an gruaidh rugha: uime sin tuitidh iad an uair a bheir mise sgrios orra: anns an am an d’thig mise g’an amharc, tilgear a sios iad; deir Iehobhah. 16 ¶ Mar so thuirt an Tighearna; Seasuibh anns na ròidibh agus faicibh, agus feoruichibh airson nan seana cheumana, C’àit am bheil an t-slighe mhaith? agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois do’r n-anamaibh. Ach thuirt iadsan, Cha ghluais sinn [innte.] 17 Chuir mi mar an ceudna luchd-faire os ’ur cionn. Eisdibh ri fuaim na trompaide. Ach thuirt iadsan, Cha’n eisd sinn. 18 Uime sin cluinnibh, O fhineacha, ’s biodh fios agaibh, O cho-thional; an ni sin a ta ’nam measg cluinn, O thalaimh! 19 Feuch, bheir mise dorainn air an t-sluagh so, toradh an smaointean fein, a chionn nach d’ thug iad eisdeach do m’ bhriathraibh, agus do thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris. 20 Com’ an d’ thig thugam-sa tùis o Shaba? agus a’ chuilc chubhraidh luachmhor o dhùthaich fad as? cha’n ’eil ’ur tabhartais-loisgte taitneach, ni mò tha tlachd agamsa ’n ’ur n-iobairtean. 21 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah, Feuch, leagaidh mi cip-thuislidh fa comhair an t-sluaigh so, agus tuitidh orra na h-aithrichean agus na mic; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le cheile. 22 Mar so deir Iehobhah, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h-airde tuath, is dùisgear cinneach mòr o chriochaibh na talmhainn. 23 Glacaidh iad am bogha ’s an t-sleagh: tha iad fuileachdach, is cha’n ’eil iochd sam bith aca: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eachaibh, air an tarruing an ordugh mar dhaoine gu cogadh, ann a d’aghaidh-sa, O a nighean Shioin. 24 Chuala sinn iomradh air so: dh’fhàs ar lamhan lag: tha goith air deanamh greim oirn; pian, amhuil mnà ri saothair. 25 Na rachaibh amach do’n [TD 102] IEREMIAH. CAIB. VII. mhachair, na siubhlaibh anns an t-slighe; oir [an sin] tha claidheamh an namhaid, uabhas air gach taobh. 26 O a nighean mo shluaigh, éid thufein le eudach saic, is aornagain thu fein ann an luaithre: dean caoidh mar air son aon mhic, cumha ro-gheur: oir gu h-obann thig oirn an creachadair. 27 ¶ Shonraich mi thusa gu m’ shluagh a dhearbhadh do thaobh an òir; aithnichidh tu, ’nuair a dhearbhas tu, an slighe. 28 Tha iad, an t-iomlan diubh, ’nan slaoit luchd-ceannairc, a’ dol o laimh gu laimh gu cealgach: is umha agus iarunn iad, an t-iomlan diubh ’nan inneil truaillidheachd. 29 Loisgeadh na builg leis an teine, chaitheadh an luaith; leagh am fear-leaghaidh gu diomhain; oir cha’n ’eil iadsan ata olc air an sgaradh air falbh: 30 Airgiod nach fiu theirear riu-san, a chionn gu do chuir Iehobhah cùl riu. CAIB. VII. Am focal a thainig gu Ieremiah o Iehobhah, ag radh; 2 Seas ann an geata tighe Iehobhah, agus glaodh anns an àite sin am focal so, agus abair, Cluinnibh focal Iehobhah, uile Iudah, sibhse ta ’g imeachd a steach air na dorsaibh so gu aoradh a thoirt do Iehobhah. 3 Mar so deir Iehhobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ’ur sligheachan agus ’ur gniomhara, ’s bheir mise dhuibh comhnuidh a ghabhail anns an àite so. 4 Na h-earbaibh a briathraibh breugach, ag radh, Teampull Iehobhah, teampull Iehobhah, teampull Iehobhah iad so. 5 Oir ma leasaicheas sibh gu h-iomlan ’ur sligheachan agus ’ur gniomhara; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine ’s a choimhearsnach; 6 Mur sàruich sibh an coigreach, an dilleachadan agus a’ bhantrach; agus mur dòirt sibh fuil neo-chiontach anns an àite so, agus mur d’theid sibh air lorg dhée eile, chum ’ur dòrainn fein: 7 An sin bheir mise dhuibh comhnuidh a ghabhail anns an àite so, anns an fhearann a thug mi do’r n-aithrichibh, o linn gu linn. 8 Ach tha sibhse, feuch, tha sibh a’ deanamh buin a briathraibh breugach o nach faigh sibh gnè do bhuannachd. 9 Ciod? am feadh a ta sibh a’ mortadh, is a’ deanamh adhaltruis, agus a’ mionnachadh gu breugach, is a’ losgadh tùise do Bhaal, is a’ gluasad air lorg dhée coimheach, air nach robh agaibh eolas; 10 An d’thig sibh an sin, agus an seas sibh ann a m’ lathair-sa, san tigh so ta air a ghairm air m’ ainm, agus an abair sibh, Dean ar saoradh; am feadh ata sibh a’ cur nan gràinealachdan so uile ’n gniomh? 11 ’Na shlochd mheirleach an d’fhàs an tigh so, a dh’ainmichear ormsa, ’n’ur sùilibhse? mise, feuch, mise fein chunnaic, arsa Iehobhah. 12 Ach rachaibh a nis do m’àite-sa ta ’n Siloh, far an do chuir mi m’ ainm an toiseach, agus faicibh cionnus a bhuin mi [TD 103] IEREMIAH. CAIB. VII. ris, air son aingeachd mo phobuill Israeil. 13 Agus a nis, a chionn gu d’rinn sibhse na h-oibre so uile, deir Iehobhah, ’s gu do labhair mise ruibh ag eirigh gu moch agus a’ labhairt, ach cha d’éisd sibhse; agus gu do ghlaodh mi ruibh, ach cha do fhreagair sibh: 14 Uime sin ni mi ris an tigh so a dh’ainmichear orm, as am bheil sibhs’ a deanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do’r n-aithrichibh, amhuil a rinn mi ri Siloh. 15 Agus tilgidh mi sibh a mach as m’ fhianuis, mar a thilg mi mach ’ur braithrean uile, an t-iomlan do shliochd Ephraim. 16 Air an aobhar sin, na guidh thusa air son an t-sluaigh so, ni mò chuireas tu suas glaodh no achuinge as an leth, ni mò ni thu eadar-ghuidhe riumsa; oir cha’n eisd mise riut. 17 Nach faic thu ciod a tha iad so a’ deanamh ann am bailtean Iudah, is ann an sràidibh Ierusaleim? 18 Tha a’ chlann a’ tional connaidh, agus na h-aithrichean a’ fadadh an teine, agus na mnài a’ fuineadh taoise, a dheanamh bhreacag do bhan-righinn neimhe, ’s a dhòrtadh a mach thabhartasa-dibhe do dhéibh eile, gu doilghios a chur ormsa. 19 Am bheil iad a’ cur campair ormsa; deir Iehobhah? nach ann a tha iad a’ cur [dragh] orra fein, a chum maslaidh an gnùise fein? 20 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Iehobhah, Feuch, dòirtear m’ fheargsa agus mo dhian-chorruich a mach air an àite so, air duine agus air ainmhidh, agus air craobha na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh. 21 ¶ Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Cuiribh ’ur tabhartais loisgte ri’r n-iobairtibh, agus ithibh feoil. 22 Oir cha do labhair mise ri’r n-aithrichibh, ni mò dh’àithn mi dhoibh, anns an là san d’thug mi iad a mach a’ tìr na h-Eiphit, mu thimchioll thabhartas-loisgte no iobairtean. 23 Ach an ni so dh’àithn mi dhoibh, ag radh, Thugaibh geill do m’ ghuth; agus bidh mis’ a’m’ Dhia dhuibhse, ’s bidh sibhse ’n’ur sluagh dhomh-sa: agus gluaisibh anns na h-uile shlighibh a dh’àithn mi dhuibh, a chum gu’n eirich gu maith dhuibh. 24 Ach cha d’eisd iad, ni mò dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlibh ais-innleachdach an droch chridhe fein, agus chaidh iad air an ais, is cha’n ann air an aghaidh. 25 O’n là air an d’ thainig ’ur n-aithrichean amach a tìr na h-Eiphit, gus an la an diugh, chuir mi do’r n ionnsuidh seadh m’ uile sheirbhisich na fàidhean, ag eirigh gach la gu moch is ga’n cur a mach. 26 Gidheadh cha d’eisd iad rium, ni mò dh’aom iad an cluas, ach chruaidhich iad am muineal, rinn iad ni bu mheasa n’an aithrichean. 27 Uime sin labhraidh tu na briathran so uile riu, ach cha’n eisd iad riut: glaodhaidh tu riu mar an ceudna, ach cha fheagair iad thu. 28 Uime sin their thu riu, So [TD 104] IEREMIAH. CAIB. VIII. an cinneach nach ’eil a’ toirt geill do ghuth Iehobhah an Dia; ni mò ghabh iad ri cronuchadh: dh’ eug an fhirinn, agus ghearradh a mach o’m beul i. 29 Gearr dhiot do ghruag [O Ierusaleim,] is tilg uait i, is tog suas tuireadh air na h-ionadaibh arda, oir chuir Iehobhah uaith, agus threig e ginealach a chorruich. 30 Oir rinn clann Iudah olc ann am shealladh-sa, deir Iehobhah; chuir iad an gràinealachdan anns an tigh, a dh’ ainmichear orm-sa, chum a thruailleadh. 31 Agus thog iad ionadan arda Thophet, a th’ann an gleann mhic Hinoim, a losgadh am mac agus an nigheana san teine; ni nach d’aithn mise, ’s nach d’thainig idir ann a m’ chridhe. 32 Air an aobhar sin feuch, tha na làithean a’ teachd, arsa Iehobbah, anns nach goirear ni ’s mò ris Tophet, no gleann mhic Hinoim; ach gleann a’ mharbhaidh: oir adhlaicidh iad ann an Tophet, gus nach bi aca ni’s mò àite. 33 Agus bidh cairbheannan an t-sluaigh so’nam biadh do dh’eunlaith an adhair, is do bheathaichibh na talmhainn; agus cha bhi aon neach ann a dh’fhuadaicheas air falbh [iad.] 34 An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtibh Iudah agus ann as sràidibh Ierusaleim, air guth an t-subhachais, is guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, ’s guth na mnà nuadh-pòsda: oir bidh an dùthaich ’na fasaich. CAIB VIII. ANNS an am sin, arsa Iehobhah, bheir iad a mach cnàmhan righrean Iudah, agus cnàmhan a prionnsachan, agus cnàmhan nan sagart, agus cnàmhan nam fàidhean, agus cnàmhan luchd-àiteachaidh Ierusaleim as an uaighean; 2 Agus fàgaidh iad sgaoilt’ iad fa choinne na greine ’s na gealaiche, ’s uile fheachd neimhe d’ an d’thug iad spéis, agus d’an d’ rinn iad seirbheis, agus air an robh iad a’ leanmhuinn, agus a bha iad ag iarruidh, agus d’ an d’ thug iad aoradh: cha chruinnichear iad, cha’n adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bithidh iad. 3 Agus bidh bàs ni ’s roghnaiche na beatha leis an uile fhuigheall a mhaireas do’n teaghlach olc so, a bhios nam fuigheall anns gach uile àite gus am fògair mis’ iad, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 4 A bharr air so their thu riu, Mar so deir Iehobhah; Iadsan a thuiteas, nach eirich iad a rìs? Iadsan a theid air seachran, nach pill iad air an ais? 5 C’ ar son ma ta tha ’n sluagh so ri ar a mach; c’ ar son a ta Ierusalem ri cùl-sleamhnachadh bith-bhuan? tha iad a’ deanamh greim daingean air ceilg, tha iad a’ diultadh pilleadh. 6 Thug mise fanear, agus chuala mi; cha do labhair iad gu ceart: cha ’n ’eil aithreachas air aon neach d’a aingeachd, ag radh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ pilleadh gu shlighe, mar a dhian-ruitheas an t-each a chum a’ chomhraig. 7 Seadh, is aithne do’n chorra-bhàin anns an adhar a h-am fein, agus is aithne do ’n choluman, agus do’n chorra-mhonaidh, agus [TD 105] IEREMIAH. CAIB. VIII. do’n gholan-ghaoithe am an teachd: ach cha’n aithne do m’shluagh-sa, breitheanas Iehobhah. 8 Cionnus a their sibh, Tha sinn glic, agus tha reachd Iehobhah ’nar measg? Feuch, gu deimhin cha’n ’eil anns a’chleit scriobhaidh ach diomhanas, cha’n ’eil anns na scriobhuich ach mealladh. 9 Nàraicheadh na daoine glice, tha iad ann an geilt, tha iad ann an sàs; feuch, ri focal Iehobhah chuir iad cùl; agus an sin ciod am feum a tha dhoibh ’nan gliocas. 10 Uime sin, am mnathan bheir mise do dhaoinibh eile; am fearann dhoibhsan a theid an sealbh ann: oir tha gach aon diubh, o’n neach is mò gus an neach is lugha, air an toirt suas d’an an-miannaibh; o’n fhàidhe eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnathachadh bhreugan. 11 Agus leighis iad lot nighine mo shluaigh-sa gu faoin, ag radh, Sìth, sìth, is gun sìth idir ann. 12 An robh nàir orra chionn gu do chuir iad gràinealachd an gniomh? Ni h-eadh, cha robh iad nàrach air aon chor, ni mò ghabh an gruaidh rugha: uime sin tuitidh iad an uair a bheir mise sgrios orra: anns an am an d’thig mise g’an amharc tilgear a sios iad, deir Iehobhah. 13 Ni mise gu buileach an sgrios, arsa Iehobhah; cha bhi fion-dhearc sam bith air an fhineamhuinn, no fìgean air a’chrann-fhìge; seargaidh eadhon an duilleach; agus na nithe thug mise dhoibh, siubhlaidh uatha. 14 C’ar son a ta sinn a’ suidhe ’nar tàmh? cruinnichibh sibh fein, is rachamaid a steach do na caithrichean daighnichte; agus bitheamaid ’nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia ’nar tosd sinn, is thug e dhuinn uisge dom-blasda r’a òl, a chionn gu do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. 15 Bha sùil againn ri sìth, ach maith sam bith cha d’thainig; ri h-aimsir slainte, agus feuch uabhas. 16 O Dhan chualas srannail a chuid each: ro’ thorman sitrich eacha meamnach, chriothnuich an t-iomlan do’n fhearann: oir thainig iad, is shluig iad am fearann, is gach ni a ta ann; a’ chaithir is iadsan a tha ’ga h-àiteachadh. 17 Oir feuch, cuiridh mise ’n ’ur measg nathraichean, rì-naithrichean, air nach luidh geasan; agus ni iad sibhs’ a theumadh, arsa Iehobhah. 18 ¶ Cha ’n ’eil leigheas air mo bhròn; tha mo chridhe fo leon an taobh a stigh dhiom. 19 Feuch, guth glaoidh nighine mo shluaigh, o dhùthaich fhad as! Nach ’eil Iehobhah ann an Sion? nach ’eil a righ innte: c’ ar son ma ta bhrosnuich iad mise gu feirg le ’n dealbhan snaighte, ’s le ’n diomhanasaibh coimheach? 20 Chaidh am foghara seachd, tha ’n samhra criochnaichte, ach sinne cha’n ’eil air ar saoradh. 21 Air son leoin-nighine mo shluaigh, tha mis’ air mo leon; tha mi dubh-bhrònach; rinn uamhann mo ghlacadh. 22 Nach ’eil ioc-shlaint air bith ann an Gilead? nach ’eil leigh idir ann? C’ ar son ma ta nach ’eil slaint’ air a h-aiseag a rìs do nighean mo shluaigh-sa? [TD 106] IEREMIAH. CAIB. IX. CAIB. IX. OCH nach b’ uisge mo cheann, is nach bu tobar dheur mo shùilean, a chum as gu guilinn a là ’s a dh’ oidhche air son muinntir mharbhta nighine mo shluaigh! 2 Och nach robh agam anns an fhàsaich pailliun fir-thuruis, a chum gu fàguinn mo shluagh, is gu’n imichinn uatha! oir is luchd-adhaltruis iad uile, co-thional do dhaoine cealgach. 3 Agus tha iad a’ lùbadh an teanga mar am bogha; le ceilg, is cha’n ann le firinn dh’fhas iad cumhachdach anns an tìr: oir tha iad a’dol air an aghaidh o olc gu h-olc, is cha’n ’eil eolas ac’ ormsa, deir Iehobhah. 4 Bithibh air ’ur faicill gach aon ro’ a choimhearsnach, agus na h-earbaibh a brathair air bith: oir meallaidh gach brathair gu ro-mhor, is gluaisidh gach companach gu cealgach. 5 Agus meallaidh iad gach aon a choimhearsnach, is cha labhair iad an fhirinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fein a’cur an gniomh dò-bheairt. 6 Tha do chomhnuidh ann am meadhon ceilge; ann an ceilg tha iad a’diultadh eolas a ghabhail ormsa, deir Iehobhah. 7 Air an aobhar sin, mar so deir Iehobhah, Dia nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; air ciod eile dh’ fheudas ni dheanamh do thaobh nighine mo shluaigh? 8 Tha an teanga mar shaighead fir-mhillidh; is cealg is cainnt d’i: le bheul labhraidh neach gu siothchail r’a choimhearsnach, ach ’na chridhe tha e caitheamh foill air. 9 Air son nan nithe so nach d’thig mise d’an amharc? deir Iehobhah: air a leithid so do chinneach nach dean m’anam dioghaltas? 10 Air son nan sleibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus air son ionada-comhnuidh na fàsaiche tuireadh; a chionn gu bheil iad air an losgadh a suas, air chor as nach d’theid aon neach rompa, agus cha chluinnear leo guth na spreidhe: eunlaith an adhair agus an t-ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh. 11 Agus ni mise Ierusalem ’na carnaibh, ’na h-uaimh dhragon; agus bailtean Iudah, ni mi ’nam fàsaich, gun aon ’gan àiteachadh. 12 Co e ’n duine glic, a thuigeas so? is ris an d’rinn beul Iehobhah labhairt, a chum gu cuireadh e ’n ceill e. C’ ar son a ta ’n tìr air a milleadh; air a losgadh a suas mar fhasaich, roi’ nach feud aon neach imeachd? 13 Agus thubhairt Iehobhah, Do bhrì gu do threig iad mo reachd a chuir mise f’an comhair, is nach robh iad umhal do m’ ghuth, ni mò ghluais iad d’a réir; 14 Ach gu do ghluais iad a reir breithneachaidh an cridhe fein, agus an deigh nan dée a rinn an aithrichean a theagasg dhoibh: 15 Uime sin, mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; Feuch, beathaichidh mis’ iad, [eadhon] an sluagh so, le searbh-luibhibh, is bheir mi uisge domblasda dhoibh r’a òl. 16 Sgapaidh mi iad mar an ceudna measg nan cinneach, air [TD 107] IEREMIAH. CAIB. X. nach robh aon chuid iad fein no an aithrichean eolach: agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as doibh. 17 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Thugaibh fanear, agus gairmibh air mnathan-tuiridh, agus thigeadh iad; is cuiribh fios air mnathan seolta, agus thigeadh iadsan. 18 Agus deifricheadh iad, is togadh iad asuas caoidh air ar son; a chum gu ruitheadh ar sùilean asios le deuraibh, is gu brùchdadh ar rosgan amach le h-uisgeachaibh. 19 Gun amharus chualas guth caoidh o Shion; Cionnus a tha sinn air ar creachadh! tha sinn air ar maslachadh gu ro-mhor! a chionn gu do threig sinn am fearann, a chionn gu do thilg iad a sios ar n-ionada-comhnuidh. 20 Air an aobhar sin eisdibh, O mhnathan, focal Iehobhah, agus glacadh ’ur cluas focal a bheoil; agus teagaisgibh do’r nigheanaibh caoidh, is gach aon d’a ban-choimhearsnaich tuireadh. 21 Oir tha am bàs air teachd an aird gus ar n-uinneagan, air teachd a steach gus ar luchairtean; ghearr e sios maraon a’ chlann anns a’ mhachair, agus na h-òganaich anns na sràidibh. 22 Agus tarlaidh, arsa Iehobhah, gu tuit eadhon colannan dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, ’s mar an dlaogh an deigh a’ bhuanaiche, ’nuair nach bi aon neach ann gu thional. 23 Mar so deir Iehobhah, Na deanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na deanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na deanadh an duine beartach uaill a bheartas; 24 Ach deanadh esan a ni uaill, uaill as so, gu bheil tuigse agus eolas aige ormsa, gur mi Iehobhah, a ghnàthaicheas caoimhneas gradhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh: oir anns na nithibh so tha mo thlachd-sa, deir Iehobhah. 25 Feuch, tha na laithean a’ teachd deir Iehobhah, anns an smachdaich mise na h-uile thimchioll-ghearrta, maille ris an neo-thimchioll-ghearrta; 26 An Eiphit, agus Iudah, agus Edom, is clann Amoin, agus Moab, agus na h-uile ta anns na cearnaibh iomallach, aig am bheil an comhnuidh anns an fhàsaich: oir tha na cinnich so uile neo-thimchioll-ghearrta, ’s tha tigh Israeil uile neo-thimchioll-ghearrta ’nan cridhe. CAIB. X. CLUINNIBH am focal so a ta Iehobhah a’ labhairt ruibhse, O a thigh Israeil. 2 Mar so deir Iehobhah; Na foghlumaibh slighe nan cinneach, is na biodh eagal oirbh ro’ chomharan nan neamha, ge d’ tha eagal air na cinnich rompa. 3 Oir tha gnàthachadh nan slògh ’na fhior-dhiomhanas: oir tha iad a’ gearradh chraobh as a’ choillidh, obair làmh an fhir a dh’oibricheas le inneal geur. 4 Le h-airgiod agus le h-òr tha iad ’gan deanamh maiseach, le tairnibh agus le h-orduibh tha iad ’gan deanamh daingean, air chor as nach gluais iad. 5 Mar chrann-pailme tha iad so rag, is cha labhair iad: is eigin an giulan, a chionn nach urradh [TD 108] IEREMIAH. CAIB. X. iad imeachd: na biodh eagal oirbhse rompa, oir cha’n urradh iad cron a dheanamh; agus fòs maith a dheanamh cha’n ’eil ’nan comas. 6 Cha’n ’eil aon air bith ann cosmhuil riutsa, O Iehobhah. Is mor thu, agus is mor d’ainm ann an cumhachd. 7 Cò air nach biodh eagal romhad-sa, O a righ nan slògh? oir dhuitse buinidh urram; a chionn nach ’eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rioghachdan, aon neach cosmhuil riut. 8 Ach tha iad gu h-iomlan brùideil agus mi-thuigseach: tha am fiodh efein a’ cur an ceill an diomhanais. 9 Bheirear airgiod air a bhualadh a mach o Tharsis, agus òr o Uphas; obair an fhir-oibre, agus làimhe ’n òr-cheaird: is gorm agus dearg an éideadh: is iad gu leir obair dhaoine seolta. 10 Ach Iehobhah, is esan an Dia fior, an Dia beo, agus an righ bith-bhuan: roi’ chorruich-san criothnaichidh an talamh, is cha’n urradh na cinnich fhearg a ghiulan. 11 Mar so their sibhse riu, Na dée nach d’rinn na neamha no an talamh, sgriosar iad amach o’n talamh, agus o bhi fuidh na neamha so. 12 Rinn Esan an talamh le chumhachd, shocruich e’n saoghal le ghliocas, agus le thuigse sgaoil e mach na neamha. 13 ’Nuair a chuireas e mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na neamha, ’s bheir e air a cheo dol suas o chriochaibh na talmhainn: ni e dealanach le frasaibh, is bheir e mach a’ ghaoth as ionadaibh-tasgaidh. 14 Dh’ fhàs gach duine mar bhrùid ’na eolas; nàraicheadh gach òr-cheard le iomhaigh leaghta; oir is ni breugach an dealbhan leaghta, agus anail air bith cha ’n ’eil annta. 15 Is ni faoin iad, obair mhearachd: ann an am an smachdachaidh theid iad am mugha. 16 Cha chosmhuil riu so cuibhrionn Iacoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain uile, agus is e Israel slat oighreachd; Iehobhah Dia nan sluagh is e ainm. 17 ¶ Cruinnich asuas do mhaoin as an fhearann, O thusa ta ’g àiteachadh an daighnich. 18 Oir mar so deir Iehobhah; Feuch, bheir mi urchair [a crann-tabhuill] do luchd-àiteachaidh na tìre, air a chuairt so, agus claoidhibh mi iad, air chor as gu mothaich iad [mo dhioghaltas.] 19 Mo thruaighe mise thaobh mu dhochainn! is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhin is deacair so, ach is eigin fhulang. 20 Tha mo phailliun air a chur fàs, is tha mo chuird gu leir air am bristeadh; dh’ imich mo chlann a mach uam, is cha ’n ’eil iad ann: cha ’n ’eil neach ann a sgaoileas mo phailliun a mach ni ’s mò, no chuireas a suas mo sgàile. 21 Oir tha na h-aodhairean air fàs brùideil, is cha ’n ’eil iad ag iarruidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fein, is bidh an treudan uil’ air an sgapadh. 22 Eisd, an fhuaim! feuch, tha i teachd dlù, eadhon gluasad mor o’n tìr mu thuath; a dheanamh bhailtean Iudah nam fas- [TD 109] IEREMIAH. CAIB. XI. aich, ’nan aite-comhnuidh do dhragonaibh. 23 Is aithne dhomh Iehobhah, nach ’eil a shlighe mar [shlighe] duine, nach ann mar dhuine aghluaiseas esan, agus a stiuras e imeachd. 24 O Thighearna, cronuich mi, ach ann an tomhas; ni h-ann a d’ chorruich, air eagal gu dean thu smùr dhiom. 25 Dòirt a mach do dhian-chorruich air na cinnich aig nach ’eil eolas ort, is air na teaghlaichean sin nach ’eil a’ gairm air d’ ainm: oir dh’ ith iadsan a suas Iacob, agus chuir iad gu buileach as da, agus rinn iad aite-comhnuidh fàsail. CAIB. XI. AM focal a thainig gu Ieremiah o Iehobhah, ag radh; 2 Eisd briathran a’ cho-cheangail so, agus labhair iad ri fearaibh Iudah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim 3 Agus abair riu Mar so deir Iehobhah Dia Israeil, Malluichte gu robh an duine nach bi ùmhal do bhriathraibh a’ cho-cheangail so, 4 A dh’ àithn mise do’rn-aithrichibh anns an là san d’ thug mi iad a mach a talamh na h-Eiphit, as an fhuirneis iaruinn, ag radh, Thugaibh geill do m’ ghuth, agus deanaibh na nithe sin uile, reir mar tha mis’ ag àithne dhuibh: mar sin bidh sibh ’n’ur sluagh dhomh-sa, ’s bidh mis’ ann a m’ Dhia dhuibhse. 5 A chum gu coilionainn na mionnan a mhionnaich mi do ’r n-aithrichibh, gu d’ thugainn doibh fearann a’ sruthadh le mil is le bainne, mar air an là an diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Bitheadh amhluidh, O Iehobhah! 6 Agus thubhairt Iehobhah rium, Glaodh na briathran so gu leir, ann am bailtibh Iudah, agus ann an sràidibh Ierusaleim, ag radh, Cluinnibhse briathran a’ cho-cheangail so, agus deanaibh iad. 7 Oir dh’ earalaich mise gu dùrachdach do’r n-aithrichibh, air an là san d’thug mi iad a mach a talamh na h-Eiphit, gus an la an diugh, ag eirigh gu moch is ag earalachadh, ag radh, Thugaibh geill do m’ ghuth. 8 Gidheadh cha d’ thug iadsan geill, ni mo chlaon iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a reir an-mianna a dhroch chridhe fein: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ cho-cheangail so, a dh’ àithn mi dhoibh a dheanamh, ach nach d’ rinn iad. 9 ¶ Mar an ceudna thubhairt Iehobhah riumsa, Fhuaradh co-fheall am measg fheara Iudah, ’s am measg luchd-àiteachaidh Ierusaleim. 10 Tha iad air pilleadh air an ais gu aingeachd an aithrichean o shean, a dhiult mo bhriathran-sa eisdeachd; agus a chaidh air lorg dhée coimheach, a chum gu d’ thugadh iad dhoibh seirbhis: bhrist tigh Israeil agus tigh Iudah mo cho-cheangal; a rinn mi ri ’n-aithrichibh. 11 Uime sin mar so deir Iehobhah; Feuch, bheir mis’ orra dorainn o nach bi e comasach dhoibh dol as; is ge do ghlaodhas iad rium, cha toir mi dhoibh eisdeachd. 12 An sin theid bailtean Iudah, is luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus glaodhaidh iad [TD 110] IEREMIAH. CAIB. XII. ris na déibh d’an d’iobair iad tùis; ach cha dean iad sin air aon chor an tearnadh ri am an airce. 13 Oir do reir àireimh do bhailtean bha do dhée, O Iudah; agus do reir àireimh shràidean Ierusaleim chuir sibh a suas altairean do ’n ni nàrach sin, altairean a losgadh tùise do Bhaal. 14 Air an aobhar sin na dean thusa urnaigh air son an t-sluaigh so, ni mò thogas tu suas glaodh no achuinge as an leth: oir cha ’n eisd mise san am anns an glaodh iad rium, ann an am an airce. 15 Ciod a th’aig mo ghradh ri dheanamh ann am thigh-sa, am feadh ata i cur an gniomh cionta? an gabhar bòidean is feoil naomha le tlachd uait? am feadh ata thu aingidh, an sin am bi thu aoibhneach? 16 Gorm-chrann ola, maiseach, agus deadh-thorthach thug Iehobhah mar ainm ort: le fuaim toirme moire dh’ fhadaidh e teine ta dìreadh an aird, eadhon a chum a gheugan a chaitheadh. 17 Oir rinn Iehobhah Dia nan sluagh, a shuidhich thu, olc a labhairt a’d’ aghaidh; airson aingeachd tighe Israeil, agus tighe Iudah, a chuir iad an gniomh ’nan aghaidh fein, le mise bhrosnuchadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhaal. 18 ¶ Thug Iehobhah mar an ceudna fios domhsa, agus thuig mi; an sin leig thu fhaicinn domh an innleachdan. 19 Oir bha mi mar uan ciuin air a stiuradh a chum a chasgraidh, is cha robh fios agam gu do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, [ag radh] Sgriosamaid an crann maille r’a thoradh, agus gearramaid e sios bharr fearainn nam beo, a chum as nach bi ainm ni’s mò air a chuimhneachadh. 20 Ach, O Iehobhah Dhia nan sluagh, a bheir breth gu cothromach, a dhearbhas na h-airnean agus an cridhe, faiceam do dhioghaltas orrasan; oir dhuitse dh’ fhoillsich mise mo chùis. 21 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah, Do thaobh muinntir Anatoit, a tha ’g iarruidh d’ anama, ag radh, Na dean fàisneachd ann an ainm Iehobhah, mum faigh thu bàs le’r laimhne. 22 (Uime sin, mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh,) Feuch, ni mis an smachdachadh; bàsaichidh na h-òganaich leis a’ chlaidheamh, bàsaichidh am mic agus an nigheana le gorta. 23 Agus cha’n fhàgar fuigheall beo dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhnadh an smachdachaidh. CAIB. XII. IS ceart thusa, O Iehobhah, ’nuair a thagram riut: gidheadh ceaduich dhomh labhairt riut mu thimchioll do bhreitheanais: c’arson a ta slighe nan droch dhaoin’ a soirbheachadh? a ta iadsan uile suaimhneach a ta ro-aingidh? 2 Shuidhich thus’ iad, seadh ghabh iad freumh; tha iad a’ fàs, agus fòs a’ toirt a mach toraidh: tha thusa dlù ’nam beul, ach fada o’n airnibh. 3 Ach dhuitse, O Iehobhah, is aithne mise; chunnaic thu mi, agus dhearbh thu mo chridhe, [gu bheil] e leat: tarruing iad [TD 111] IEREMIAH. CAIB. XII. amach mar chaoirich airson a’ chasgraidh, is cuir air leth iad fa chomhair là a’ mharbhaidh. 4 Cia fhad a ni ’m fearann bròn, agus a bhios luibhean gach machrach a’ seargadh, air son aingeachd a luchd-àiteachaidh? Bhàsaich gach ainmhidh agus eun, a chionn gu dubhairt iad, Cha’n fhaic Esan ar crioch dheireannach. 5 Ma ruith thu leis na coisichean, is gu do sgìthich iad thu, cionnus idir a ni thu strì ri h-eachaibh? agus ann am fearann sìth ged’ robh agad dòchas, gidheadh ciod a ni thu ann an onfha Iordain? 6 Air son gu do bhuin eadhon do bhraithrean agus tigh d’athar, eadhon iadsan gu fealltach riut; eadhon iadsan ruaig thu le h-eighe chruaidh; na creid iad ge do labhair iad briathran caoin riut. 7 ¶ Threig mise mo thigh, dh’ fhàg mi m’ oighreachd, thug mi thairis gradh m’ anama do laimh a naimhdean. 8 Bha m’ oighreachd dhomhsa mar leomhann anns a’ choillidh; chuir i mach a guth ann am’ aghaidh: air an aobhar sin thug mi fuath dh’i. 9 Bha m’ oighreachd dhomhsa mar an t-eun fuileachdach Seboa; O euna fuileachdach, thigibhse na h-aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaiche na machrach, thigibh a chum itheadh a suas. 10 Mhill moran aodhairean mo lios fiona, shaltair iad mo chuibhrionn fo chois, rinn iad mo chuibhrionn taitneach ’na fhàsaich uaignich. 11 Rinn iad e ’na fhàsaich, riumsa tha e ’na fhàsaich ri caoidh; rinneadh an tìr gu h-iomlan fàs, gidheadh cha’n ’eil aon neach ’ga chur an suim. 12 Air gach uile thulaich san fhàsaich thainig an luchd-creachaidh; oir claidheamh Iehobhah sluigidh suas, o aon iomall do ’n tìr gus an t-iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheoil. 13 Chuir iad cruineachd, ach buainidh iad droighionn; fhuair iad saothair, ach cha’n fhaigh iad buannachd: mar sin masluichear sibh n’ ’ur dochas ri cinneas, do bhrìgh lasair feirge Iehobhah. 14 ¶ Mar so deir Iehobhah; Do thaobh m’ uile dhroch choimhearsnacha, ta cur dragh air an oighreachd a thug mise mar sheilbh do m’ shluagh Israel; feuch! spìonaidh mi iad a mach as am fearann, agus as am meadhon spìonaidh mi mach tigh Iudah. 15 Agus tarlaidh, an deigh dhomh an tarraing a mach, gu pill mi ’s gu gabh mi truas diubh, agus bheir mi iad air an ais, gach aon gu oighreachd fein, agus gach aon gu fhearann fein. 16 Agus tarlaidh, ma dh’ fhoghluimeas iad do rìreadh sligheanna mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ ainm, Mar is beo Iehobhah, amhuil a theagaisg iadsan do m’ shluagh-sa mionnachadh air Baal, an sin daighnichear iad ann am meadhon mo shluaigh. 17 Ach mur toir iad geill, an sin spìonaidh mi a freumh an cinneach sin, a’ spìonadh a freumh agus a’ sgrios, arsa Iehobhah. [TD 112] IEREMIAH. CAIB. XIII. CAIB. XIII. MAR so thubhairt Iehobhah riumsa, Imich agus faigh dhuit fein crios anairt, agus cuir air do leasraibh e, ach na cuir e ann an uisge. 2 Is amhuil a fhuair mi crios do reir focail Iehobhah, agus chuir mi air mo leasraibh e. 3 Agus thainig focal Iehobhah do m’ ionnsuidh an dara h-uair, ag radh, 4 Gabh an crios a fhuair thu, a ta air do leasraibh, agus eirich, imich gu Euphrates, agus folaich an sin e, ann an toll do’n charraig. 5 Is amhuil a dh’ imich mi agus dh’ fholaich mi e aig Euphrates, mar a dh’ àithn Iehobhah dhomh. 6 Agus tharladh an deigh mhoran laithean, gu dubhairt Iehobhah rium, Eirich, imich gu Euphrates, agus thoir as sin an crios a dh’ àithn mise dhuit fholach anns an àite sin. 7 An sin dh’ fhalbh mi gu Euphrates, agus chladhaich mi, agus thug mi an crios as an àite san d’ fholuich mi e; agus feuch, bha’n crios millte, cha b’ fhiu air son ni sam bith e. 8 An sin thainig focal Iehobhah do m’ ionnsuidh, ag radh, 9 Mar so deir Iehohhah; Air a’ mhodh so millidh mise oirdheirceas Iudah, agus maise mhor Ierusaleim; 10 An sluagh olc so, tha diultadh mo bhriathran-sa eisdeachd, a tha siubhal a reir miann an cridhe fein, agus a’ dol an diaigh dhée coimheach, gu seirbheis a dheanamh dhoibh, agus gu aoradh a thoirt doibh; agus bithidh iad mar an crios so, nach fiu air son ni sam bith. 11 Oir mar a dhlù-leanas an crios ri leasraibh duine, mar sin thug mis’ air tigh Israeil uile dlù-leantuinn rium, agus air tigh Iudah uile, deir Iehobhah; a chum gu biodh iad dhomh mar shluagh, is mar chliu, is mar ghloir: ach cha ’n eisdeadh iadsan. 12 ¶ Labhraidh tu riu fòs am focal so, Mar so deir Iehobhah Dia Israeil; Lionar gach soireadh le fion. Agus their iad riut, Nach ’eil cinnt-fhios againn gu lionar gach soireadh le fion? 13 An sin their thu riu, Mar so deir Iehobhah, Feuch, lionaidh mise luchd-àiteachaidh na tìre so air fad, eadhon na righrean a tha ’nan suidhe ’n àite Dhaibhidh air a rì-chathair, agus na sagairt, agus na fàidhean, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, le misg. 14 Agus spannaicheadh mi iad an aghaidh a cheile eadhon na h-aithrichean agus na mic le cheile, deir Iehobhah; cha ghabh mi truas, ni mò choigleas mi, no dh’fheuchas mi iochd, air chor as nach sgriosainn iad. 15 Eisdibh agus thugaibh aire, na bithibh uaibhreach; oir labhair Iehobhah. 16 Thugaibhse gloir do’n Tighearna bhur Dia, mun d’thig an dorchadas, agus mun tuislich ’ur casan air sleibhte na doilleireachd; an sin, an uair bhios ’ur sùil ri solus, caochlar e gu sgàile bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh. 17 Ach mur eisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadaibh uaigneach air son ’ur n-uabhair, is guilidh mo shùil gu goirt, is silidh mo dheoir gu saibhir, [TD 113] IEREMIAH. CAIB. XIV. a chionn gu toirear air falbh ann am bruid treud Iehobhah. 18 ¶ Abair ris an righ, agus ris a’ bhan-righinn, Irislichibh sibh fein, suidhibh a sios; oir an crùn so, as am bheil sibh a’ deanamh uaille, tuitidh a nuas o’r ceannaibh. 19 Tha bailtean na h-airde deas air an druideadh a suas, is cha’n ’eil aon ’gam fosgladh; thainig làn-bhraighdeanas air Iudah; braighdeanas air gach aon, is air an iomlan. 20 Tog suas do shùilean agus faic iadsan a ta teachd o’n airde tuath: c’ait am bheil an treud a thugadh dhuit, caoirich do mhor-uaill? 21 Ciod a their thu an uair a thig smachdachadh ort? an deigh dhuit a theagasg dhoibh riaghladh tharad mar cheannardan? nach dean ioghanna do ghlacadh, amhuil mnaoi ri saothair? 22 Agus an uair a their thu ann a d’chridhe, C’arson a thainig na nithe so orm? Airson meud do chionta tha do sgiortan air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh. 23 Am feud an t-Etiopach a chraicionn a mhùthadh, no an liopard a bhreice? an sin feudaidh sibhse, bha cleachdta ri olc, maith a dheanamh. 24 Air an aobhar sin sgapaidh mis’ iad mar an asbhuain, a shiubhlas air falbh le gaoith na fàsaiche. 25 Is e so do chrannchur, an cuibhrionn a thoimhseadh leamsa air do shon, arsa Iehobhah; a chionn gu do dhi-chuimhnich thu mise, ’s gu do chuir thu do dhòsas ann am bréig. 26 Uime sin leigidh mise do sgiortan ris air d’aghaidh, a chum as gu faicear do nàire, d’adhaltrus, agus do shitrich. 27 Dhealbh thu do striopachas air na cnocaibh, anns a’ mhachair chunnaic mise do ghràinealachdan: Mo thruaighe thusa, O Ierusaleim! cha’n àill leat a bhi air do ghlanadh; c’uin idir a ghabhas tu os laimh e? CAIB. XIV. FOCAL Iehobhah, a thainig gu Ieremiah do thaobh an tairt. 2 Tha Iudah ri bròn, dh’fhàs a geatacha lag; tha iad duaichnidh air an làr, agus tha gaoir Ierusaleim a’ dol a suas. 3 Chuir na h-uaislean fòs an clann bheag airson uisge; thainig iad gus na sluichd, cha d’fhuair iad uisge sam bith; phill iad le’n soithichibh falamh; bha nàire ’s moran maslaidh orra, chomhdaich iad an cinn. 4 A chionn gu bheil am fearann ’na smùr, oir cha robh uisge sam bith anns an tìr; ghabh na treabhaichean nàire, dh’fholuich iad an cinn. 5 Seadh fòs, rug an eilid a a laogh anns a’ mhachair, is thréig i e, chionn nach robh feur air bith ann. 6 Agus sheas na h-asala fiadhaich air na h-ionadaibh arda, tharruing iad a suas a’ ghaoth mar dhragonaibh; dh’ fhailnich an sùilean a chionn nach robh feur ann. 7 Ge d’tha ar n-ea-ceairtean a’ togail fianuis ’nar n-aghaidh, O Iehobhah, dean thusa air sgàth d’ainme fein: oir tha ar cùl-sleamhnachaidh lionmhor, pheacaich sinn a’ d’aghaidh-sa. 8 O dhòchais Israeil, a shlanui’- [TD 114] IEREMIAH. CAIB. XIV. fhear ri am airce, com’ am bitheadh tu mar choigreach anns an tìr? agus mar fhear-turuis a thionndas a leth-taobh gu fuireach amhàin car oidhche? 9 Com’ am bitheadh tu mar neach ann an suain chadail? mar ghaisgeach aig nach ’eil cumhachd gu tearnadh? Gidheadh tha thusa, O Iehobhah, ’nar meadhon, agus ort-sa tha sinn air ar n-ainmeachadh, na dean ar treigsinn. 10 Mar so deir Iehobhah do thaobh an t-sluaigh so; Mar so bu mhiannach leo dol air seachran, cha do chum iad air an ais an casan; uime sin cha ghabh an Tighearna riu, cuimhnichidh e nis an aingeachd, agus cronuichidh e’n cionta. 11 Uime sin, arsa Iehobhah rium-sa, Na guidh a leth an t-sluaigh so air son an leas. 12 An uair a thraisgeas iad, cha’n eisd mise ri’n glaodh; agus anuair a dh’iobras iad iobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mis’ iad; ach leis a’ chlaidheamh, is leis a’ ghort, is leis a’ phlàigh, cuiridh mi as doibh. 13 An sin thuirt mise, Och! a Thighearna Dhia! feuch, tha na fàidhean ag radh riu, Cha’n fhaic sibh an claidheamh, ni mò thig gort oirbh, ach sìth chinnteach bheir mise dhuibh anns an àite so. 14 An sin thuirt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàisneachd bhreige ann am ainm-sa cha do chuir mise uam iad, ni mò thug mi àithne dhoibh, ni mò labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neo-ni, agus mealltoireachd an cridhe fein, tha iad a’ fàisneachd dhuibh. 15 Uime sin mar so deir Iehobhah; Do thaobh nam fàidhean a tha ri fàisneachd ann am ainm-sa, ge nach do chuir mise mach iad, is ag radh, Cha bhi claidheamh agus gorta san fhearann so, Le claidheamh agus le gorta bidh na fàidhean sin air an caitheamh. 16 Agus bidh an sluagh d’an d’rinn iad fàisneachd air an tilgeadh a mach ann an sràidibh Ierusaleim, fa chùis na gorta, agus a’ chlaidheimh; is cha bhi neach ann a dh’adhlaiceas iad; iad fein, am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan: oir taomaidh mise orra fein an aingeachd. 17 Agus labhraidh tu riu am focal so; Sileadh mo shùilean le deuraibh a dh’ oidhch’ is do là, agus na sguireadh iad: oir tha an òigh, nighean mo shluaigh air a dochann le dochann mor, le buille ro-chràiteach. 18 Ma theid mi mach do’n mhachair, an sin feuch iadsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh! agus ma theid mi steach do’n chaithir, an sin feuch iadsan a ta air an claoidh leis a’ ghorta! seadh, tha am fàidh is fòs an sagart ag imeachd air chuairt, gu talamh anns nach ’eil iad eolach. 19 An do chuir thu gu tur cùl ri Iudah? an d’fhuathaich d’anam Sion? com’ an do bhuail thu sinn, is gun aon chobhair againn? bha ar sùil ri sìth, ach maith cha d’thainig; agus ri am leighis, is feuch amhghar! 20 Tha sinn ag aideachadh, O Iehobhah, ar n-aingeachd fein, agus ea-ceairt ar n-aithrichean: oir pheacaich sinn a’d’aghaidh-sa. [TD 115] IEREMIAH. CAIB. XV. 21 Na tilg uait sinn air sgàth d’ainme fein, na masluich cathair do ghloire: cuimhnich, na brist ruinn do cho-cheangal. 22 Am bheil aon air bith am measg dhiomhanas nan cinneach a’s urradh uisge thoirt seachad? no’n urradh na neamha frasan a dheonachadh? nach tu fein an ti [a ni sin,] O Iehobhah ar Dia-ne? air an aobhar sin feithidh sinne riut: oir is tu rinn na nithe so uile. CAIB. XV. AN sin thubhairt Iehobhah riumsa; Ge do sheasadh Maois agus Samuel ann a m’ làthair, cha bhiodh m’ anam leis an t-sluagh so; cuir a mach iad as m’fhianuis, agus siubhladh iad air falbh. 2 Agus tarlaidh, ma their iad riut, C’ àit an siubhail sinn air falbh? an sin their thu riu, Mar so deir Iehobhah, Iadsan a ta air son bàis, a chum bàis; agus iadsan a ta air son a’chlaidheimh, a chum a’chlaidheimh; agus iadsan a ta air son na gorta, chum na gorta; agus iadsan a ta air son na bruid, a chum braighdeanais. 3 Agus orduichidh mise os an cionn ceathair seorsanna, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu’n itheadh agus gu’m milleadh. 4 Agus fuadaichidh mi iad air feadh uile rioghachdan an domhain, air son Mhanaseh mhic Heseciah, righ Iudah, air son nan nithe sin a rinn e ann an Ierusalem. 5 Oir cò ghabhas truas diot, O Ierusalem? no cò ni bròn leat? no cò theid a leth-taobh a dh’fheoruich cionnus a tha thu? 6 Threig thu mise, deir Iehobhah, chaidh thu air d’ais: air an aobhar sin sìnidh mise mo làmh a mach a d’aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth do ghabhail aithreachais. 7 Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal-fasgnaidh ann an geatachaibh na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; o’n slighibh cha do phill iad. 8 Rinneadh am bantraichean ni bu lionmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi ’n aghaidh na mathar agus nam mac fear-millidh, ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uabhasan bualadh orra gu h-obann. 9 Ise a rug seachdnar dh’fhàs lag, thug i suas an deo; chaidh a grian a sios am feadh a ta fathasd an là ann; nàraicheadh agus mhasluicheadh i: agus na mhaireas diubh bheir mise do’n chlaidheamh ann am fianuis an naimhdean, thubhairt Iehobhah. 10 Mo truaighe mise, O mo mhàthair! oir rug thu mi ann a m’fhear-strì, agus ann a m’fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; gidheadh cha d’thug mi seachad air ocar, ni mò thug aon neach air ocar dhomh. 11 Thug iad, an t-iomlan diubh, mi-chliu dhomhsa, deir Iehobhah; nach d’thug mi as gu maith thusa? nach do sheas mi laimh riut ann an am na h-airce, ’s ann an aimsir a chruai’-chais, an aghaidh an nàmhaid? 12 Am brist esan iarunn ’na bhloighdibh, iarunn o thuath, agus umha? 13 Do mhaoin, agus d’ionn [TD 116] IEREMIAH. CAIB. XVI. asan bheir mise mar chreich, cha’n ann air son luach, ach air son d’uile lochdan; seadh ann a d’uile chriochaibh. 14 Agus bheir mi [orra] siubhal air falbh le d’ nàimhdibh gu fearann air nach robh thu eolach; oir tha teine air fhadadh ann am fheirg, a bhios oirbhse ’na lasair. 15 Agadsa bha fios, O Iehobhah, cuimhnich ormsa, agus thig do m’amharc, is thoir dhomh aichbheil air mo luchd-tòrachd; an taobh a stigh do thomhas d’fheirge na glac mise; biodh fios agad gu d’fhuiling mi masladh air do sgàth. 16 Fhuaradh do bhriathran, agus gabh mise chugam iad; agus bha d’fhocal dhomh ’na aoibhneas, agus ’na ghairdeachas do m’chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehobhah Dhia nan sluagh. 17 Cha do shuidh mi ann an cuideachd na muinntir a bhios ri h-aidhear; ni mò bha sòlas orm air son do laimhe-sa; shuidh mi ann am’aonar, a chionn gu do lion thusa mi le boile. 18 Com’ am bheil mo ghoith gun lasachadh? agus mo chreuchd bàsmhor, a’ diultadh a bhi air a leigheas? com’ am bheil thusa dhomh uile gu leir, amhuil uisgeachan a threigeas, as nach feudar earbsadh? 19 Uime sin mar so deir Iehobhah, Ma thionndaidheas tu mar a stiuras mise thu, an sin seasaidh tu ann a m’lathair: agus ma sgaras tu an luachmhor o’n ni nach fiu, mar mo bheul-sa bithidh tu: pillidh iad so riut-sa, ach cha phill thusa riu-san. 20 Agus ni mise dhiot an aghaidh an t-sluaigh so balla laidir umha; an uair a chathaicheas iad a’d’aghaidh cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, a chum do dhion, agus a chum do thearnadh, arsa Iehobhah. 21 Agus saoruidh mi thu o laimh nan aingidh, agus fuasglaidh mi thu o ghreim nan eagalach. CAIB. XVI. THAINIG focal Iehobhah fòs do m’ionnsuidh, ag radh, 2 Cha ghabh thu dhuit fein bean, ni mò bhios agad mic no nigheanan anns an àite so. 3 Oir mar so deir Iehobhah; Do thaobh nam mac is do thaobh nan nigheanan, iadsan a ta air am breith anns an àite so, agus do thaobh am màithrichean a rug iad, agus do thaobh an aithrichean a ghin iad, anns an tìr so; 4 Le galaraibh bàsmhor eugaidh iad; cha chaoidhear iad, cha’n adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bithidh iad; le claidheamh fòs is le gorta caithear iad; is bidh an cairbheannan mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaiche na talmhainn. 5 Gu beachdaidh, mar so deir Iehobhah, Cha d’theid thu steach do thigh na cumha, ni mò theid thu dheanamh caoidh, no thoirt dhoibh co-fhurtachd; oir bhuin mise leam mo shìth o’n t-sluagh so, arsa Iehobhah, caoimhneas gradhach agus caomh-throcairean. 6 Agus gheibh iad bàs, eadar bheag agus mhor, anns an tìr so, cha’n adhlaicear iad, is cha deanar cumha dhoibh, cha ghearr aon neach e fein air an son, ni mò ni aon neach e fein maol. 7 Agus cha bhrist daoine aran [TD 117] IEREMIAH. CAIB. XVI. ’nam measg, airson aon ri bròn; a chum co-fhurtachd a thoirt da oscionn [caraid] a fhuair bàs; ni mò bheirear dhoibh deoch a cupan na co-fhurtachd, air son athar neach, no air son a mhàthar. 8 Mar an ceudna cha d’theid thu gu tigh na cuirme, gu suidhe sios maille riu a dh’itheadh agus a dh’òl. 9 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, cuiridh mise gu sgur anns an àite so, fa chomhair ’ur sùl-sa, agus ann ’ur laithibh, guth an t-subhachais, agus guth an aoibhneis, guth an fhir nua’-phòsda, agus guth na mnà nua’-pòsda. 10 Agus tarlaidh, an uair a dh’innseas tu do’n t-sluagh so na nithe so uile, agus a their iad riut, C’ar son a labhair Iehobhah ’nar n-aghaidh an t-olc mor so uile? agus ciod i ar n-aingeachd, agus ciod e ar lochd, a chuir sinn an gniomh an aghaidh an Tighearna ar Dia? 11 An sin gu’n abair thusa riu, A chionn gu do threig ’ur n-aithrichean mise, deir Iehobhah, ’s gu deachaidh iad air lorg dhée eile, ’s gu d’thug iad dhoibh seirbhis, agus gu d’thug iad dhoibh aoradh, agus gu do threig iad mise, ’s nach do choimhid iad mo reachd: 12 Agus gu d’rinn sibhse sibh fein ni’s measa na ’ur n-aithrichean, oir feuch tha sibh ag imeachd gach aon a reir an-miann a dhroch chridhe fein, gun gheill air bith thoirt dhomhsa; 13 Uime sin tilgidh mi sibh a mach as an tìr so, gu tìr air nach robh sibh eolach, sibh fein no ’ur n-aithrichean; agus an sin bheir sibh seirbhis do dhéibh coimheach, a latha ’s a dh’oidhche; a chionn nach feuch mise tròcair dhuibh. 14 An deigh sin, feuch tha na laithean a’ teachd, arsa Iehobhah, anns nach abrar ni’s mò, Mar is beo Iehobhah, a thug anios clann Israeil a talamh na h-Eiphit; 15 Ach, Mar is beo Iehobhah, a thug air an ais clann Israeil o thalamh na h-airde tuath, agus o gach talamh gus an d’fhògair e iad; oir bheir mise air an ais iad gu’m fearann fein, a dheonuich mi d’an aithrichibh. 16 Feuch cuiridh mi fios air moran iasgairean, arsa Iehobhah, agus ni iad an iasgach; agus ’na dheigh sin cuiridh mi fios air moran shealgairean, is ni iad an sealg, o gach uile shliabh, is o gach uile chnoc, agus o sgeiribh nan carraigean. 17 Oir tha mo shùilean-sa air an uile shlighibh; cha’n ’eil iad foluichte o m’ghnùis, ni mò tha an aingeachd air a comhdachadh o fhradharc mo shùl. 18 Agus diolaidh mi le tomhas dùbailte an aingeachd agus an lochd, a chionn gu do thruaill iad m’ fhearann le sailchead an gniomhara fuathach; agus le’n gràinealachdaibh lion iad thairis m’ oighreachd. 19 O Iehobhah, mo neart, agus mo dhaighneach, agus mo dhìdein ann an là na docair; do d’ionnsuidh-sa thig na cinnich o chriochaibh na talmhainn, agus their iad, Gu deimhin shealbhuich ar n-aithriche diomhanasa breugach, is cha robh aon ’nam measg comasach air an coghnadh. 20 An dean duine dha fein [TD 118] IEREMIAH. CAIB. XVII. dée, an uair nach ’eil iad fein ’nan diadhan? 21 Air an aobhar sin ni mise, ’gan teagasg anns an am sin, aithnichte dhoibh mo lamh agus mo chumhachd, agus bidh fios aca gur e m’ainm Iehobhah. CAIB. XVII. THA peacadh Iudah air a scriobhadh le peann iaruinn; le roinn daoimein tha e air a ghearradh, air clàr an cridhe, agus air adharcaibh an altairean: 2 Am feadh a ta an clann a’ cuimhneachadh an altraichean agus an doireachan, aig na crannaibh uaine, ’s air na cnocaibh arda. 3 O mo shliabh, do mhaoin anns a’ mhachair, agus do thaisgeacha gu h-iomlan, bheir mise thairis do’n chreich; d’ionadan làidir, air son peacaidh, air feadh d’uile chriochan. 4 Agus fògraidh mi thu, eadhon thusa fein, o d’ oighreachd a thug mi dhuit, is bheir mi ort seirbhis a dheanamh do d’ naimhdean ann an tìr anns nach ’eil thu eolach: a chionn gu d’ fhadaidh sibh ann am’ fheirg-sa teine, a loisgeas gu siorruith. 5 ¶ Mar so deir Iehobhah; Is malluichte an neach a chuireas a dhochas ann an duine, ’s a ni feoil ’na gairdean da, ’s aig am bheil cridhe ta claonadh air falbh o Iehobhah. 6 Oir bidh e mar phreas seargta san ionad sgaoilte, nach mothaich am maith an uair a thig e, ach a ta ’g àiteachadh ionada loisgte na fàsaiche, fearainn gun toradh agus gun chomhnuidh. 7 Is beannuichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, ’s a chuireas a dhochas ann an Iehobhah. 8 Oir bidh esan mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a mach a freumhan ri taobh an t-srutha, ’s nach mothaich c’uin a thig an tart; ach aig am bi a duilleach uaine, ’s air nach bi iomguin ann am bliadhna na tiormachd, ni mo sguireas i thoirt seachad toraidh. 9 Tha an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e do-leigheas; cò ’s urradh a thuigsinn? 10 Mise Iehobhah, a rannsuicheas an cridhe, agus a sgrùdas na h-airnean, a chum gu d’ thugainn do gach neach a reir a shlighe, agus do deir toraidh a dheanadais. 11 [Mar] a’ chearc a bheir gur as na h-uighean nach d’rug i, [tha] esan a gheibh beartas, ach nach ann air chòir; ann am meadhon a làithean dealuichidh e ris; agus ’na chrìch dheireannaich bithidh e ’na thrù. 12 Is rì-chathair ghlormhor, arduichte o chian, àit ar n-ionaid naomha-ne, cuspair-dochais Israeil. 13 O Iehobhah, air na h-uile threigeas tusa bidh amhluadh, agus [ainm] luchd-ceannairc scriobhar anns an duslach; a chionn gu do thrèig iad tobar nan uisgeacha beo, Iehobhah. 14 Leighis mi, O Iehobhah, agus bithidh mi air mo leigheas; slanuich mi, agus bithidh mi air mo shlànuchadh; oir is tu mo mholadh. 15 Feuch, tha iad so ag radh rium, C’ àit am bheil focal Iehobhah? thigeadh e nis. 16 Ach cha robh deifir ormsa gu dol air thoiseach air do stiuradh-sa, agus là na h-ain-deise cha d’iarr mi; agad fein tha fios air an ni [TD 119] IEREMIAH. CAIB. XVIII. a thainig amach as mo bheul, bha e ann a d’ làthair. 17 Na bi ann a d’ uabhas domh; is tu mo dhìdein ann an là na h-airce. 18 Biodh nàir’ air a’ mhuinntir a ta ’gam’ ruagadh, ach na nàraichear mise: biodh iadsan fo gheilt, ach na biodh geilt ormsa: thoir thus’orra là na dorainn, agus le sgrios ath-bhuailte sgrios iad. 19 ¶ Mar so thubhairt Iehobhah riumsa; Falbh agus seas ann an geata cloinne ’n t-sluaigh, air an d’ thig righrean Iudah asteach, agus air an ’d theid iad a mach, agus ann an uile gheatachaibh Ierusaleim; 20 Agus abair riu, Cluinnibhse focal Iehobhah, O sibhse, a righrean Iudah, agus a Iudah uile, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, a ta teachd a steach air na geatacha so. 21 Mar so deir Iehobhah, Thugaibh aire dhuibh fein agus na giulainibh uallach air bith air là na sàbaide, ’s na tugaibh a steach air geatachan Ierusaleim; 22 Ni mò bheir sibh a mach uallach as ’ur tighibh air là na sàbaide, ni mò ni sibh obair air bith; ach naomhaichibh là na sàbaide, mar a dh’ àithn mise do’r n-aithrichibh. 23 Ach cha d’thug iadsan geill, ni mò chlaon iad an cluas, ach rinn iad am muineal rag, air chor as nach eisdeadh iad, agus air chor as nach gabhadh iad teagasg. 24 Agus tarlaidh, ma dh’ eisdeas sibh gu cùramach riumsa, deir an Tighearna, gun uallach air bith a thoirt asteach trìd gheatachan a’ bhaile so air là na sàbaide, ach là na sàbaid’ a naomhachadh, gun ghnothach sam bith a dheanamh air: 25 An sin gu d’ theid a steach air geatachan a’ bhaile so, righrean agus prionnsachan, ’nan suidhe air ri-chathair Dhaibhidh, a’ marcachd air charbadaibh, agus air eachaibh, iad fein agus an ceannardan, fir Iudah, is luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus daighnichear gu bràth a’ chaithir so. 26 Agus thig iad o bhailtibh Iudah, agus o na h-àiteachaibh timchioll Ierusaleim, agus o fhearann Bheniamin, agus o’ n chomhnard, agus o na beanntaibh, agus o’n deas, a’toirt leo thabhartasa-loisgte, agus iobairtean, agus thabhartasa bìdh, agus tùise, agus a’ toirt iobairtean molaidh gu tigh Iehobhah. 27 Ach mur eisd sibh riumsa, chum là na sàbaid a naomhachadh, is gun uallach a ghiulan, a’ dol a steach air geatachan Ierusaleim air là na sabaide: an sin fadaidh mise teine ’na geatachaibh, agus loisgidh e luchairtean Ierusaleim, agus cha’n fheudar a mhùchadh. CAIB. XVIII. AM focal a thainig a dh’ ionnsuidh Ieremiah o Iehobhah ag radh. 2 Eirich, imich a sios gu tigh a’ chriadhadair, agus an sin bheir mise ort mo bhriathran a chluinntinn. 3 An sin chaidh mi sios gu tigh a chriadhadair, agus feuch bha e deanamh oibre air na leacaibh. 4. Agus bha’n soitheach, a bha e deanamh do chriadh, air a mhilleadh ann an laimh a chriadhadair; an sin rinn e dheth a rìs soitheach eile, mar a chunnacas ceart do’n chriadhadair a dheanamh. [TD 120] IEREMIAH. CAIB. XVIII. 5 An sin thainig focal Iehobhah do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 6 O thigh Israeil, nach feud mise a dheanamh ruibhse mar an criadhadair so? deir Iehobhah. Feuch, mar a’ chriadh an laimh a chriadhadair, is amhuil sin sibhse ann a m’ laimh-sa, O thigh Israeil. 7 C’uin air bith a labhras mise mu thimchioll cinnich, is mu thimchioll rioghachd, gu spìonadh anios, gu leagail asios, agus gu sgrios; 8 Ma philleas an cinnneach sin an aghaidh an do labhair mi, o’n olc; gabhaidh mise aithreachas do’n olc a bha ann am aire thoirt orra. 9 Agus c’uin air bith a labhras mi mu thimchioll cinnich, is mu thimchioll rioghachd, gu thogail agus gu shuidheachadh; 10 Agus gu dean e an ni sin a ta olc ann a m’shealladh, is nach bi e umhal do m’ ghuth; an sin gabhaidh mi aithreachas do’n mhaith a bha romham a dheanamh dhoibh. 11 A nis uime sin imich, labhair ri fearaibh Iudah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag radh, Mar so deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc ’nur n-aghaidh, agus a dealbh smaointe ’nur n-aghaidh: pillibh a nis gach aon o dhroch shlighe, agus leasaichibh ’ur sligheanna agus ’ur gniomhara. 12 Ach thuirt iadsan, Chaidh sin seachad; oir gluaisidh sinn a reir ar smaointe fein, agus ni sinn, gach aon do reir tograidh a dhroch chridhe fein. 13 Uime sin, mar so deir Iehobhah, Feoruichibh a nis am measg nan cinneach, cò chuala an samhuil so do nithe? rinn òigh Israeil ni ro-ghràineil. 14 An tréig duine mo mhagh-sa air son carraige, [air son] shneachda Lebanoin? an tréigear am fuar uisge-ruith airson uisgeachan eile? 15 Ach dhi-chuimhnich mo shluagh mise, loisg iad tùis do dhiomhanas, agus dh’ fhàs iad sgìth d’ an sligheachan a bha o chian fada rèidh, gu gluasad air ceumaibh seachranach, air slighe nach ’eil deanta: 16 A chum am fearann a dheanamh fàs, ’na bhall-àbhacais bith-bhuan: air gach neach a theid seachad air bidh mor-ioghnadh, agus crathaidh e a cheann. 17 Sgapaidh mis’ iad mar gu b’ ann le gaoith an ear roimh an nàmhaid; tionndaidh mi riu mo chùl, is cha ’n i m’ aghaidh, ann là an leir-sgrios. 18 ¶ An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd o’n t-sagart, no comhairle o’n eagnuidh, no ’m focal o’n fhàidh: Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon d’a bhriathraibh. 19 Thoir thusa, O Iehobhah, aire dhomh, agus cluinn guth na muinntir a ta ri strì rium. 20 An dìolar olc air son maith? Gu cinnteach chladhaich iad slochd air son m’ anama. Cuimhnich cionnus a sheas mi ann ad’ fhianuis, a dheanamh eadar-ghuidh a chum an leas, a thionndadh do chorruich air falbh uatha. 21 Uime sin thoir thusa thairis an clann-do’n ghorta, ’s thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan [TD 121] IEREMIAH. CAIB. XIX. airam fàgail gun chlann, agus iad ’nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, is marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh. 22 Cluinnear gaoir as an tighean, an tra bheir thusa feachd orra gu h-obann; oir chladhaich iad slochd gu mis’ a ghlacadh, agus air son mo chas shuidhich iad liontan. 23 Ach agadsa, O Iehobhah, tha fios air an iomlan d’an innleachd an aghaidh m’anama: na maith an cionta, ’s na glan an lochd a mach a’ d’ fhianuis: ach tilgear iad thairis ann a d’làthair; tionsgain ’nan aghaidh ann an am do chorruich. CAIB. XIX. MAR so thubhairt Iehobhah riumsa, Falbh agus faigh criadh-shoitheach criadhadair, agus thoir leat cuid do sheanairibh an t-sluaigh, agus do sheanairibh nan sagart. 2 Agus theid thu mach gu gleann mhic Hinoim, a ta fa chomhair a’gheata Harsit, agus glaodhaidh tu anns an àite sin na briathran a labhras mise riut: 3 Agus their thu, Eisdibhse focal Iehobhah, O a righrean Iudah, ’s a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; Feuch, bheir mise olc air an àite so, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gu bi gaoir ’na chluasaibh: 4 A chionn gu do threig iad mise, ’s gu d’ rinn iad an t-àite so coimheach, is gu do loisg iad tùis ann do dhéibh eile, nach b’aithne dhoibh; iad fein, agus an aithrichean, agus righrean Iudah; agus gu do lion iad an t-àite so le fuil nan neo-chiontach: 5 Agus gu do thog iad ionadan arda Bhaail, a chum am mic a losgadh anns an teine, mar thabhartais-loisgte do Bhaal; ni nach d’àithn mise, ni mò labhair mi, ni mò thainig e ann am aire: 6 Uime sin feuch tha na làithean a’teachd, arsa Iehobhah, anns nach abrar ris an àite so ni ’s mò Tophet, no gleann mhic Hinoim, ach gleann a’mharbhaidh. 7 Agus cuiridh mise gu neo-brigh comhairle Iudah agus Ierusaleim anns an àite so; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh fa chomair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a ta ’g iarruidh an anama: agus bheir mi an cairbheannan mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichibh na talmhainn. 8 Agus ni mi a’chaithir so ’na fàsaich, agus ’na ball-sgeig: bidh mor-ioghnadh air gach neach a theid seachad oirre, ’s ni e sgeig air son a h-uile phlàighean. 9 Agus bheir mis’ orra gu’n ith iad feoil am mac, agus feoil an nigheana; agus ithidh iad gach aon feoil a charaid, anns an t-séisdeadh is anns an teanntachd, leis am bi iad air an teannadh le ’n naimhdibh, agus leo-san a ta ’g iarruidh an anama. 10 An sin bristidh tu an soitheach ann an sealladh na muinntir a theid maille riut. 11 Agus their thu riu, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Amhuil so bristidh mise an sluagh so, agus a’ chaithir so, mar a bhristeas e soitheach a’chriadh- [TD 122] IEREMIAH. CAIB. XX. adair, nach feudar a shlànuchadh a rìs: agus adhlaicear daoine ann an Tophet, gus nach bi àit air bith ann gu adhlacadh. 12 Mar so ni mise ris an àite so, deir Iehobhah, agus r’a luchd-comhuidh, air chor as gu deanar a’chaithir so eadhon mar Thophet. 13 Agus bidh tighean Ierusaleim, agus tighean righrean Iudah, amhuil ionad Thophet, neo-ghlan; maille ris na tighean sin air fad, air an d’ rinn iad tùis a losgadh air am mullach do uile fheachd neimh, agus deoch-iobairtean a dhòrtadh a mach do dhéibh coimheach. 14 Agus thainig Ieremiah o Thophet, gus an do chuir Iehobhah e gu fàisneachd, agus sheas e ann an cùirt tighe ’n Tighearna, agus thuirt e ris an t-sluagh uile, 15 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’chaithir so, agus air a h-uile bhailtean, an t-iomlan do’n olc sin a labhair mi ’na h-aghaidh; a chionn gu d’rinn iad am muineal rag, air chor as nach eisdeadh iad mo bhriathran. CAIB. XX. AN uair a chuala Pasur mac Imeir an sagart, (a bha fòs ’na ard-uachdaran ann an tigh an Tighearna,) Ieremiah à’ fàisneachd nan nithe so: 2 An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an tigh-smachdachaidh e, a bha aig geatadh uachdrach Bheniamin, laimh ri tigh an Tighearna. 3 Agus tharladh air an la mhàireach, gu do leig Pasur Ieremiah a mach as an tigh-smachdachaidh. An sin thuirt Ieremiah ris, Cha ’n e Pasur a thug an Tighearna mar ainm ort, ach Uabhas air gach taobh. 4 Oir mar so deir an Tighearna, Feuch, ni mise dhiot uabhas duit fein, agus do d’ uile chairdibh; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean-sa ’g amharc; agus Iudah uile bheir mi do laimh righ Bhabiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Babilon, is cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh. 5 Agus bheir mi seachad uile neart na caithreach so, agus a h-uile shaothair, agus a h-uile nithe luachmhor; agus uile bheartas righrean Iudah bheir mi thairis do laimh an naimhdean, a chreachas iad, agus a ghlacas iad, agus a bheir iad air falbh gu Babilon. 6 Agus thusa, a Phasuir, agus na h-uile ta chomhnuidh ann a d’ thigh, siubhlaidh sibh air falbh ann am braighdeanus; agus theid thusa gu Babilon, agus an sin gheibh thu bàs; agus an sin adhlaicear thu, thu fein agus d’ uile chairdean, do’n d’ rinn thu fàisneachd bhréige. 7 ¶ Dh’ aontaich thu mi, O Iehobhah, agus bha mi air m’ aontachadh: thug thu dhomh misneach, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis-mhagaidh gach la, gach aon ri fanoid orm. 8 Oir co tric as a labhras mi, co dhiubh ghlaodhas mi mach an aghaidh ain-neairt, no dh’ éigheas mi leir-chreach, tha focal Iehobhah air a dheanamh dhomh ’na chùis mhaslaidh agus fhanoid gach aon là. 9 An uair a their mi, Cha toir mi iomradh air, ni mò labhras mi tuille ’na ainm; an sin tha e [TD 123] IEREMIAH. CAIB. XXI. ann am’ chridhe mar theine loisgeach, air a dhruideadh asuas ann am chnàmhan; is ge do sgìthich mi mi fein ’ga chumail asteach, cha’n urradh mi. 10 Gu beachdaidh chuala mi tuairisgeul mhoran, Uabhas air gach taobh aithrisibhse, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair air son mo thuislidh, Theagamh [ars’ iadsan] gu claonar a thaoibh e, ’s gu faigh sinn buaidh air, agus gu gabh sinn dioghaltas deth. 11 Ach tha Iehobhah leamsa mar aon chumhachdach uabhasach; air an aobhar sin tuislichidh mo luchd-tòir, agus cha bhuadhaich iad: tha iad air an lionadh le nàire ro-mhor, a chionn nach do shoirbhich leo, le masladh bith-bhuan ’nach leigear gu bràth air di-chuimhn. 12 Ach, O Iehobhah Dhia nan sluagh, a dhearbhas am fìrean, agus a chi na h-airnean agus an cridhe, faiceam orra do dhioghaltas: oir dhuitse leig mise ris mo chùis. 13 Seinnibhse do’n Tighearna; molaibhse Iehobhah: oir shaor e anam a’ bhochd a laimh nan aingidh. 14 ¶ Malluichte gu robh an là air an d’ rugadh mise, an là air an d’ rug mo mhathair mi, na biodh e sona. 15 Malluichte gu robh esan a thug sgeula dh’ ionnsuidh m’ athar, ag radh, Tha leanabh mic air a bhreth dhuit; ’ga dheanamh ro-aoibhneach. 16 Agus biodh an duine sin mar na bailtean a sgrios Iehobhah, agus mu nach do ghabh e aithreachas; cluinneadh e ghaoir anns a’ mhadainn, is an iolach anns a’ mheadhon-là; 17 A chionn nach do mharbh e mi o’n bhroinn; no gu biodh mo mhàthair na h-uaigh dhomh, agus a brù gu bràth torrach leam. 8 Com’ an d’ thainig mi mach as a’ bhroinn, a dh’ fhiosrachadh mi-shuaimhneis agus bròin, agus a chaitheamh mo laithean ann am masladh? CAIB. XXI. AM focal a thainig a chum Ieremiah o Iehobhah, an uair a chuir an righ Sedeciah d’ a ionnsuidh Pasur mac Mhelciah, agns Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, ag radh, 2 Dean eadar-ghuidhe, guidheamaid ort, ris an Tighearna air ar son-ne, oir tha Nebuchadnesar righ Bhabiloin a’ cogadh ’nar n-aghaidh; theagamh gu dean an Tighearna ruinn do reir uile bhearta iongantach, a chum gu rachadh e suas uainn. 3 Agus thuirt Ieremiah riu, Mar so their sibh ri Sedeciah; 4 Mar so deir Iehobhah Dia Israeil, Feuch, tionndaidh mise air an ais na h-airm-chogaidh ata ’n ur làmhan, leis am bheil sibh a’ cogadh an aghaidh righ Bhabiloin, agus an aghaidh nan Caldeanach, ata ’gur teannachadh air taobh a muigh nam ballachan, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile so. 5 Agus ni mise fein cogadh ’nur n-aghaidh le laimh sìnte mach, agus le gairdean treun, eadhon ann am feirg, is ann am boile, ’s ann an corruich mhoir. 6 Agus buailidh mi luchd-àiteachaidh ’a bhaile so, eadar dhuine ’s ainmhidh; gheibh iad bàs do phlàigh mhoir. 7 Agus ’na dheigh sin, arsa Ie- [TD 124] IEREMIAH. CAIB. XXII. hobhah, bheir mi thairis Sedeciah righ Iudah, agus òglaich agus an sluagh, eadhon na dh’ fhàgar anns a’ bhaile so o’n phlaigh, o’n chlaidheamh, is o’n ghorta, gu laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin, agus gu laimh an naimhdean, agus gu laimh na muinntir ata ’g iarruidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas diubh, ni mò choigleas e, ni mò ni e tròcair. 8 Agus ris an t-sluagh so their thu, Mar so deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cur mu’r coinneamh slighe na bheatha, agus slighe a’ bhais. 9 Esan a dh’ fhanas anns a’ bhaile so bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlaigh: ach esan a theid a mach agus a theid thairis a dh’ ionnsuidh nan Caldeanach a ta ’gur teannachadh mu’n cuairt mairidh e beo, agus bidh anam aige mar chobhartach. 10 Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile so air son uilc is cha ’n ann air son maith, arsa Iehobhah; do làimh righ Bhabiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine. 11 ¶ Agus mu thimchioll tighe righ Iudah, eisdibhse focal Iehobhah. 12 O thigh Dhaibhidh, mar so deir Iehobhah, Deanuibh gu moch breitheanas, agus saoruibh an duine sàruichte mach o laimh an fhir-shàruchaidh, mun d’theid mo chorruich-sa mach mar theine, ’s mun las i air chor as nach feudar le neach a mùchadh, air son aingeachd ’ur gniomhara. 13 Feuch, tha mis’ a’ d’ aghaidh, O thusa ta chomhnuidh ann an gleann Shoir anns a’ chomhnard, arsa Iehobhah; sibhse ta ’g radh, Cò thig a nuas ’nar n-aghaidh? no cò thig a steach d’ar n-ionada-comhnuidh? 14 Ach smachdaichidh mise sibh a reir toraidh ’ur deanadais, arsa Iehobhah; agus lasaidh mi teine ’na coilltibh, agus loisgidh e gach ni mu ’n cuairt d’a. CAIB. XXII. MAR so thubhairt Iehobhah; Falbh a sios gu tigh righ Iudah, agus an sin labhraidh tu am focal so, agus their thu, 2 Cluinn focal Iehobhah, O a righ Iudah, ata d’shuidhe air rì-chathair Dhaibhidh, thu fein, agus d’òglaich, agus do shluagh, a ta dol a steach air na dorsan so. 3 Mar so deir an Tighearna, Deanaibh cothrom agus ceartas, agus saoruibh an duine sàruichte o laimh an fhir-shàruchaidh: agus na deanaibh foill, na deanaibh ain-neart, air a’ choigreach, air an dilleachdan, no air a’ bhantraich; ni mò dhoirteas sibh fuil neo-chiontach anns an àite so. 4 Oir ma ni sibh gun amharus do reir an fhocail so, an sin thig a steach air geatachan an tighe so righrean, a shuidheas ann an àite Dhaibhidh air a rì-chathair, a’ marcachd air charbadaibh agus air eachaibh, [gach aon] e fein, agus òglaich, agus a shluagh. 5 Ach mur toir sibh eisdeachd do na briathraihh so, orm fein thug mise mionnan, arsa Iehobhah, Gu cinnteach nithear ionad fàs do’n tigh so. 6 Oir mar so thubhairt Iehobhah do thaobh tighe righ Iudah; Leamsa tha thu mar Ghilead, O [TD 125] IEREMIAH. CAIB. XXII. mhullaich Lebanoin; ach ni mi gu cinnteach fàsach dhiot, bailtean nach bi àitichte. 7 Agus orduichidh mi ann ad’ aghaidh luchd-millidh, gach aon le armaibh; agus gearraidh iad a sios rogha do sheudar, agus tilgidh iad anns an teine[iad]. 8 Agus gabhaidh moran chinneach seachad air a’ chaithir so, agus their iad gach aon r’a choimhearsnach, C’arson a rinn an Tighearna mar so ris a’ chaithir mhoir so? 9 An sin freagraidh iad, A chionn gu do threig iad co-cheangal an Tighearna an Dia, agus gu d’thug iad aoradh do dhéibh coimheach, is gu d’rinn iad dhoibh seirbhis. 10 ¶ Na guilibh airson a’ mhairbh, ni mò ni sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon-san a dh’ imich air falbh: oir cha phill e ni’s mò, ’s cha’n fhaic e tuille tìr a dhùchais. 11 Oir mar so deir Iehobhah mu thimchioll Shaluim mhic Iosiah righ Iudah, a rioghaich an àite Iosiah athar, a chaidh a mach as an àite so, Cha phill e chuige ni’s mò: 12 Ach anns an àite, gus an d’thug iad air falbh e ann am braighdeanus, gheibh e bàs; agus an tìr so ni’s mò cha’n fhaic e. 13 Is deacair dhasan a thogas a thigh le h-eucoir, agus ard-sheomraichean le ana-cothrom; a ghabhas saothair a choimhearsnaich a nasgaidh, agus air son oibre nach toir dha dioladh. 14 A ta ’g radh, Togaidh mi dhomh fein tigh mor, agus seomraichean fairsing: a’ gearradh a mach dha fein mar an ceudna uinneaga; ’ga shuaineadh fòs le seudar, agus ’ga dhath le corcur. 15 An righ thu, a chionn gu bheil thu spaisdearachd ann an [talla] seudair? nach d’ith agus nach d’òl d’athair, agus nach d’rinn e cothrom agus ceartas? An sin shoirbhich leis. 16 Dhion e cùis a’ bhochd agus an fheumannaich; an sin dh’eirich gu maith dha. Nach b’e so eolas a ghabhail ormsa? deir Iehobhah. 17 Ach cha’n ’eil do shùilean-sa agus do chridhe ach air d’ an-mianna fein, agus air fuil nan neo-chiontach, a chum [a] dòrtadh, agus air sàruchadh agus foirneart, a chum [a] dheanamh. 18 Air an aobhar sin, mar so deir Iehobhah mu thimchioll Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah, Cha dean iad caoidh air a shon, [ag radh,] Och mo bhrathair! no, Och mo phiuthar! Cha dean iad caoidh air a shon, [ag radh,] Och a thighearna! no, Och a gloir-sa! 19 Le h-adhlacadh asail adhlaicear e, air a tharruing air falbh, agus air a thilgeadh an taobh a mach do gheatachan Ierusaleim. 20 ¶ Imich a suas gu Lebanon agus éigh, agus air Basan tog an aird do ghuth, agus glaodh o na criochaibh mu’n cuairt, oir chlaoidheadh iadsan uile aig an robh bàigh riut. 21 Labhair mi riut ann an am do shoirbheachaidh, thubhairt thu, Cha’n éisd mi: b’e so do nòs o d’òige. 22 A chionn nach d’éisd thu ri m’ghuth-sa, giulainidh osunn air falbh an t-iomlan do d’aodhairean, agus imichidh do luchd-gaoil air falbh ann am braighdeanas; gu cinnteach an sin bidh nàir’ ort, agus [TD 126] IEREMIAH. CAIB. XXIII. comhdaichear thu le h-amhluadh airson d’uile dhroch dheanadais. 23 O thusa ta ’g àiteachadh Lebanoin, a ta deanamh do nid ann an seudaraibh, cia cruaidh a bhios do chaoidh, an uair a ni piantan greim ort, goith amhuil mnà ri saothair! 24 Mar is beo mise, deir Iehobhah, ge b’e Coniah mac Iehoiacim, righ Iudah, am fàinne air mo laimh dheis, gidheadh as sin dheanainn do spionadh. 25 Agus bheir mi thu do laimh na muinntir a ta ’g iarruidh d’anama, agus do laimh na muinntir roimh am bheil eagal ort, eadhon do laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin, agus do laimh nan Caldeanach. 26 Agus tilgidh mi mach thu fein, agus do mhàthair a rug thu, gu dùthaich choimhich, far nach robh sibh air ’ur breith, agus an sin gheibh sibh bàs. 27 Ach gus an talamh d’am bu mhiannach leo pilleadh, gus sin cha phill iad. 28 An dealbh suarach briste an duine so Coniah? no an soitheach e anns nach ’eil aig aon neach tlachd? com’ am bheil iad air an tilgeadh a mach, e fein agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach ’eil iad eolach? 29 O thalaimh! a thalaimh! a thalaimh! cluinn focal Iehobhah. 30 Mar so deir Iehobhah, Scriobhaibhse am fear so gun chlann, duine nach soirbhich ’na làithibh: oir cha soirbhich duine d’a shliochd, a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas ’na dheigh so ann an Iudah. CAIB. XXIII. IS an-aoibhinn do na h-aodhairibh ata sgrios agus a’ sgapadh treud mo chluaine-sa, deir Iehobhah. 2 Air an aobhar sin, mar so deir Iehobhah Dia Israeil; Do thaobh nan aodhairean a ta ’g ionaltradh mo shluaigh-sa, Sgap sibh mo threud, agus dh’fhuadaich sibh air falbh iad, is cha deachaidh sibh g’an amharc; feuch, thig mise g’ur n-amharc-sa, air son aingeachd ’ur deanadais, arsa Iehobhah. 3 Ach tionailidh mi fuigheall mo threud as gach uile dhùthaich gus an d’ fhògair mi iad, agus bheir mi iad air an ais d’am màinrichibh fein, agus fàsaidh iad torthach agus lionmhor. 4 Agus togaidh mi suas os an cionn aodhairean a dh’ ionaltras iad, air chor as nach bi eagal orra tuille, ni mò bhios geilt orra, ni mò bhios iad air an smachdachadh, deir Iehobhah. 5 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir Iehobhah, anns an tog mise suas do Dhabhidh Meanglan fireanach, agus rioghaichidh righ agus soirbhichidh leis, agus ni e breitheanas agus ceartas air an talamh. 6 ’Na làithibh-san sàbhalar Iudah, agus gabhaidh Israel comhnuidh ann an tearuinteachd: agus so ainm, a ghoirear ris, IEHOBHAH AR FIREANTACHD-NE. 7 ’Na dheigh so, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abair iad ni ’s mò, Mar is beo Iehobhah, a thug a nios clann Israeil a mach a tìr na h-Eiphit. 8 Ach, Mar is beo Iehobhah, a thug anios agus a stiur sliochd tighe Israeil a mach as an tìr mu thuath, agus as na dùchannaibh sin uile gus an d’ fhuadaich mis’ [TD 127] IEREMIAH. CAIB. XXIII. iad; a chum gu gabhadh iad comhnuidh ’nam fearann fein. 9 Do thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste ’n taobh a stigh dhiom, tha mo chnàmhan gu léir air ghluasad: is cosmhuil mi ri fear air mhisg; is ionann mi’s duine air an d’ fhuair fion lamh-an-uachdar, air son Iehobhah, agus air son bhriathran a naomhachd. 10 Oir tha am fearann làn do luchd-adhaltruis; oir airson mhionnan tha an tìr a’ caoidh: tha ionadan aoibhinn na fàsaich air tiormachadh asuas; tha an siubhal mar an ceudna gu olc, agus an neart gu ana-cothrom. 11 Oir tha am fàidh agus an sagart araon ain-diadhaidh, eadhon ann am theach fein fhuair mi an aingeachd, deir Iehobhah. 12 Uime sin bidh an slighe dhoibh mar ionada sleamhain, gu dorchadas iomainear iad air an aghaidh, agus tuitidh iad ann: gu cinnteach bheir mise dòrainn orra, bliadhnadh an smachdachaidh, arsa Iehobhah. 13 Amhuil a chunnaic mi ann am fàidhean Shamaria amaideachd; rinn iad fàisneachd ann an ainm Bhaail, is thug iad air mo shluagh Israeil dol air seachran: 14 Mar sin ann am fàidhean Ierusaleim chunnaic mi uamharrachd: tha iad ciontach ann an adhaltrus, agus ag imeachd ann am breugaibh; tha iad a’ neartachadh mar an ceudna lamhan nan aingidh, air chor as nach ’eil aon neach a’ pilleadh o aingeachd: tha iad, an t-iomlan diubh, dhomhsa mar Shodom, agus a luchd-àiteachaidh mar Ghomorrah. 15 Air an aobhar sin, mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh mu thimchioll nam fàidhean; Feuch, bheir mise dhoibh searbh-luibhean r’an itheadh, agus uisge domblasda r’a òl: oir o fhàidhean Ierusaleim tha ain-diadhachd air imeachd amach air feadh na tìre gu h-iomlan. 16 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Na h-eisdibh ri briathraibh nam fàidhean, a ta ri fàisneachd dhuibh; tha iad ’g’ur mealladh le nithibh faoin; tha iad a’ cur an ceill fiosachd an cridhe fein, is cha’n ’eil iad a’ labhairt o bheul Iehobhah; 17 Ag radh ris a’ mhuinntir a ta deanamh di-meas air focal Iehobhah, Bidh sìth agaibh; agus am feadh ata gach aon ag imeachd a reir an-mianna a chridhe fein, tha iad ag radh, Cha d’thig olc air bith oirbh. 18 Oir cò sheas ann an comhairle dhiomhair Iehobhah, agus a chunnaic agus a chual’ a’ chùis? no cò dh’ eisd agus a chuala fhocal? 19 Feuch, chaidh cuairt-ghaoth mach o Iehobhah le boile, eadhon cuairt-ghaoth ro-dhian; air ceann nan aingidh tuitidh i gu h-uabhasach. 20 Cha phill corruich Iehobhah air a h-ais, gus an cuir e’n gniomh, is gus an coilion e rùn a chridhe: anns na laithibh deireannach bheir sibh so fanear le làn-aire. 21 Cha do chuir mise na fàidhean so mach, gidheadh ruith iad: cha do labhair mi riu, gidheadh rinn iad fàisneachd. 22 Ach nam biodh iad a làthair ann a m’ chomhairle-sa, an sin bheireadh iad air mo shluagh mo bhriathran éisdeachd, an sin bheireadh iad orra pilleadh o’n slighe, agus o aingeachd an deanadais. [TD 128] IEREMIAH. CAIB. XXIII. 23 An Dia dlù do laimh mise, deir Iehobhah, agus nach Dia mi am fad as? 24 Am feud neach air bith e fein fholach ann an ionadaibh diomhair, air chor as nach faic mis’ e? deir an Tighearna: nach ’eil mise a’lionadh nan neamha agus na talmhainn? deir Iehobhah. 25 Chuala mise ciod a thuirt na fàidhean, a ta fàisneachd bhreug ann a m’ ainm-sa, ag radh, Chunnaic mi aisling, chunnaic mi aisling; cia fhad a bhios an teine sa’ chridhe? 26 Na fàidhean, is fàidhean bhreug iad; seadh fàidhean ceilg an cridhe fein: 27 Aig am bheil rùn a thoirt air mo shluagh-sa m’ainm a leigeil air di-chuimhn, le ’n aislingibh, a ta iad ag innseadh gach aon d’a choimhearsnach, amhuil a rinn an aithrichean m’ ainm a leigeil air di-chuimhn, air son Bhaail. 28 Am fàidh aig am bheil aisling, innseadh e aisling; ach esan aig am bheil m’fhocal-sa, labhradh e m’fhocal gu dìleas: ciod e am moll do’n chruineachd? arsa Iehobhah. 29 Nach ionann m’fhocal-sa ’s teine? deir Iehobhah: agus nach ionann e ’s ord a bhristeas a’ chreag ’na bloighdibh? 30 Uime sin, feuch, tha mise ’n aghaidh nam fàidhean, arsa Iehobhah, a ta goid mo bhriathran-sa, gach aon o choimhearsnach. 31 Feuch, tha mise ’n aghaidh nam fàidhean, arsa Iehobhah, a ta gnàthachadh an teanga fein, agus ag radh, Labhair Esan e. 32 Feuch, tha mise ’n aghaidh na muinntir a ta fàisneachd aislingean breige, deir Iehobhah, ’s a ta ’gan innseadh, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran le ’m breugaibh agus le ’m briathraibh faoine; gidheadh cha do chuir mise mach iad, ni mò thug mi àithne dhoibh: air an aobhar sin cha dean iad air aon chor tairbhe do’n t-sluagh so, arsa Iehobhah. 33 Agus an uair a dh’fheoruicheas an sluagh so, no fàidh, no sagart diot, ag radh, Ciod e focal cudromach Iehobhah? an sin their thusa riu, Is sibhse an cudrom, agus tilgidh mise dhiom sibh, arsa Iehobhah. 34 Agus am fàidh, agus an sagart, agus an sluagh, a their Focal cudromach Iehobhah, bheir eadhon mise peanas air an duine sin, agus air a theaghlach. 35 Mar so their sibh, gach aon r’a choimhearsnach, agus gach aon r’a bhrathair, Ciod a fhreagair an Tighearna? agus, Ciod a labhair Iehobhah? 36 Agus air focal cudromach Iehobhah cha toir sibh luadh ni ’s mò; oir is cudrom do gach aon a bhriathra fein: oir chlaon sibh briathran an De bheo, Iehobhah Dhia nan sluagh ar Dia-ne. 37 Mar so their thu ris an fhàidh, Ciod a fhreagair an Tighearna dhuit? agus, Ciod a labhair Iehobhah? 38 Ach ma their sibh, Focal cudromach Iehobhah; uime sin mar so deir Iehobhah, A chionn gu bheil sibh ag radh an fhocail so, Focal cudromach Iehobhah, ge do chuir mise fios chugaibh, ag radh, Cha’n abair sibh, Focal cudromach Iehobhah; 39 Uime sin feuch, togaidh [TD 129] IEREMIAH. CAIB. XXIV. XXV. mise sibhse mar chudrom, agus tilgidh mi air falbh, araon sibh fein, agus a’ chaithir so, a thug mi dhuibhse, agus do’r n-aithrichibh, a mach as mo lathair. 40 Agus bheir mi oirbh masladh siorruith, agus nàire bith-bhuan, nach leigear gu bràth air di-chuimhn. CAIB. XXIV. DH’ fhoillsich Iehobhah dhomhsa, agus feuch, dà chliabh fhìgean air an cur fa chomhair teampuill an Tighearna, ’n deigh do Nebuchadnesar righ Bhabiloin Ieconiah mac Iehoiacim righ Iudah, agus maithean Iudah, agus an luchd-ealainn, agus na h-airm-cheaird, a thoirt air falbh ann am braighdeanus o Ierusalem, agus an toirt leis gu Babilon: 2 Ann an aon chliabh bha fìgean ro-mhaith, mar na fìgean a bhios an toiseach abuich: agus anns a’ chliabh eile fìgean ro-olc, nach feudta itheadh aig an olcas. 3 An sin thuirt Iehobhah rium, Ciod a tha thu faicinn, a Ieremiah: agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean maithe, ro-mhaith; agus na droch fhìgean ro-olc, air chor as nach feudar an itheadh aig an olcas. 4 An sin thainig focal Iehobhah do m’ionnsuidh, ag radh, 5 Mar so deir Iehobhah Dia Israeil, Amhuil na fìgean maithe so, mar sin gabhaidh mise ris na dh’fhalbh ann am bruid do Iudah, a chuir mi mach as an àite so gu tìr nan Caldeanach, a chum an leas. 6 Oir cuiridh mi mo shùilean orra chum maith, is bheir mi iad air an ais do’n tìr so, agus togaidh mi iad, is cha tilg mi sios; agus suidhichidh mi iad, is cha spion mi a bun. 7 Agus bheir mi dhoibh cridhe gu m’aithneachadh, gur mi Iehobhah; agus bidh iad dhomhsa ’nan sluagh, is bidh mise dhoibhsin a’m’ Dhia; an uair a philleas iad do m’ionnsuidh le ’n uile chridhe. 8 Agus amhuil na droch fhìgean, nach feudar itheadh aig an olcas, (mar so gu deimhin deir Iehobhah,) bheir mise ceart mar sin seachad Sedeciah righ Iudah, agus uachdarain, agus am fuigheall do Ierusalem a dh’fhanas anns an tìr so, agus iadsan a ta chomhnuidh ann an fearann na h-Eiphit; 9 Agus bheir mi thairis iad gu bhi air an luasgadh air feadh uile rioghachdan an domhain, a chum an aimhleis; gu bhi ’nan cùis-fhanoid is ’nan gnàth-fhocal, ’nam ball-magaidh is ’nam mallachadh, anns na h-uile àite gus am fògair mi iad. 10 Agus cuiridh mi an claidheamh, a’ghort, agus a’phlàigh ’nam measg, gus an caithear iad bharr an fhearainn, a thug mise dhoibh fein agus d’an aithrichibh. CAIB. XXV. AM focal a thainig a dh’ionnsuidh Ieremiah mu thimchioll uile shluaigh Iudah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah; b’i sin ceud bliadhna Nebuchadnesair righ Bhabiloin: 2 A labhair Ieremiah am fàidh ri uile shluagh Iudah, agus ri uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag radh, 3 O threas bliadhna deug Io- [TD 130] IEREMIAH. CAIB. XXV. siah mhic Amoin righ Iudah, eadhon gus an la an diugh, (is i so an treas bliadhna fichead,) thainig focal Iehobhah do m’ionnsuidh-sa, agus labhair mi ruibhse, ag eirigh gu moch agus a’labhairt, ach cha d’éisd sibh. 4 Agus chuir an Tighearna do’r n-ionnsuidh uile sheirbhisich na fàidhean, ag eirigh gu moch is ’g an cur a mach, ach cha d’eisd sibhse, ’s ni mò chlaon sibh ’ur cluas gu eisdeachd. 5 Thuirt iadsan, Pillibh air ’ur n-ais a nis gach aon o dhroch shlighe, agus o olcas a dheanadais, agus gabhaibh comhnuidh anns an fhearann, a thug an Tighearna dhuibh, agus do’r n-aithrichibh, o linn gu linn: 6 Agus na rachaibh air lorg dhée coimheach gu seirbhis a dheanamh dhoibh, is gu aoradh a thoirt doibh, agus na brosnuichibh mise gu corruich le obair ’ur làmh; agus cha toir mi aimhleas air bith oirbh. 7 Gidheadh cha d’eisd sibh riumsa, deir an Tighearna; a chum gu brosnuicheadh sibh mi gu corruich le obair ’ur lamh, a chum ’ur n-aimhleis fein. 8 Uime sin mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, A chionn nach d’eisd sibh mo bhriathran-sa, 9 Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h-airde tuath, arsa Iehobhah, agus Nebuchadnesar righ Bhabiloin m’ òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre so, ’s an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach so uile mu ’n cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus ni mi iad ’nan uabhas, agus ’nan sgeig, agus ’nam fàsaich shiorruith. 10 Os barr, bheir mi uatha guth a’ghairdeachais agus guth an aoibhneis, guth an fhir nua’-phòsda, ’s guth na mnà nua’-pòsda, fuaim nan clacha-muilinn, agus solus na coinnle. 11 Agus bidh am fearann so uile ’na fhàsaich, agus ’na uabhas; agus bheir na cinnich so seirbhis do righ Bhabiloin deich agus tri fichead bliadhna. 12 Agus tarlaidh, ’nuair a choilionar deich agus tri fichead bliadhna, gu smachdaich mise righ Bhabiloin, agus an cinneach sin, arsa Iehobhah, air son an aingeachd, agus fearann nan Caldeanach, agus ni mi e ’na fhàsaich shiorruith. 13 Agus bheir mi air an fhearann sin m’uile bhriathran a labhair mi ’na aghaidh, gach ni tha scriobhta san leabhar so, a rinn Ieremiah fhàisneachd an aghaidh nan uile chinneach. 14 Oir ni moran chinneach, agus righrean mora, seirbhis a ghabhail dhiubh-san mar an ceudna: agus diolaidh mise riu do reir an gniomhara, ’s do reir oibre an làmha fein. 15 Oir mar so deir Iehobhah Dia Israeil riumsa, Gabh cuach fhiona na fraoich feirge so as mo laimh-sa, agus thoir r’a h-òl i do na h-uile chinnich gus an cuir mise thu; 16 Agus òlaidh iad, agus bithidh iad air bhall-chrith, agus air chuthach, leis a’chlaidheamh a chuireas mise ’nam measg. 17 An sin ghlac mi a’chuach a laimh Iehobhah, gu toirt r’a h-òl do na h-uile chinneach, gus an d’rinn Iehobhah mo chur; 18 Do Ierusalem, agus do [TD 131] IEREMIAH. CAIB. XXV. bhailtean Iudah, agus d’a righrean, agus d’a h-uachdarain, a chum an deanamh ’nan nochd-laraich, ’nan uabhas, ’nan sgeig, agus ’nam mallachadh, mar air an là an diugh: 19 Do Pharaoh righ na h-Eiphit, agus d’a òglaich, agus d’a uachdarain, agus d’a uile shluagh, 20 Agus do gach uile shluagh eile ta measg a cheile, ’s do uile righrean fearainn Uis, agus do uile righrean fearainn nam Philisteach, agus do Ascelon, agus do Ghasah, agus do Ecron, agus do fhuigheall Asdoid; 21 Do Edom, agus do Mhoab, agus do chloinn Amoin; 22 Agus do uile righrean Thiruis, agus do uile righrean Shidoin, agus do righre nan criochan a ta ’n taobh thall do ’n fhairge; 23 Do Dhedan, agus do Thema, agus do Bhus, agus do na h-uile ta anns na cearnaibh iomallach; 24 Agus do uile righrean Arabia, ’s do uile righrean an t-sluaigh mheasgta ta chomhnuidh anns an fhàsaich; 25 Agus do uile righrean Shimri, agus do uile righrean Elaim, agus do uile righrean Mhedia. 26 Agus do uile righre na h-airde tuath, am fad ’s am fagus, aon le cheile, agus do uile rioghachdan an domhain, a ta air aghaidh na talmhainn: agus òlaidh righ Shesaich ’nan deigh so. 27 Agus their thu riu, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Olaibh, agus bithibh air mhisg, agus sgeithibh, agus tuitibh, agus na h-eiribh ni ’s mò, fa chomhair a’ chlaidheimh a chuireas mise ’nur measg. 28 Agus tarlaidh ma dhiultas iad a’ chuach a ghabhail as do laimh, gu òl, an sin gu’n abair thu riu, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Olaidh sibh gu deimhin. 29 Oir feuch, air a’ chaithir a ta air a h-ainmeachadh air m’ainm, oirre sin tha mis’ a’ tionsgnadh air olc a thabhairt, agus am feud sibhse dol as gu glan-shaor o pheanas? cha d’ theid sibh air chor air bith as: oir gairmidh mise claidheamh air uile luchd-àiteachaidh na talmhainn, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 30 Air an aobhar sin fàisnichd thusa ’nan aghaidh na briathran so air fad, agus abair riu, Iehobhah o ionad arda beucaidh, agus o ionad-comhnuidh a naomhachd cuiridh e mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionaid a thàimh; togaidh e iolach, mar [iolaich] luchd-bruthaidh nam fion-dearc, an aghaidh uile luchd-àiteachaidh na talmhainn. 31 Thig ioma-luasgadh gu iomallaibh na talmhainn; a chionn gu bheil coi-strì aig Dia ris na cinnich; tagraidh e ris na h-uile feoil, bheir e ’n dream a ta olc do ’n chlaidheamh; deir Iehobhah. 32 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Feuch, theid olc a mach o chinneach gu cinneach, agus dùisgear a suas ioma-ghaoth mhor o chriochaibh na talmhainn. 33 Agus bidh iadsan a mharbhar leis an Tighearna san là sin, o aon cheann na talmhainn eadhon gu ceann eile na talmhainn: cha chaoidhear iad, ni mò chruinnichear iad, ni mò dh’adhlaicear [TD 132] IEREMIAH. CAIB. XXVI. iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bithidh iad. 34 Togaibh iolach bhròin, a bhuachaillean, agus eighibh, agus aornaganaibh sibh fein [ann an luaithre,] sibhs’ a’s urramaiche do’n treud, a chionn gu bheil ’ur laithean air son àir, agus ’ur sgapadh, air an coilionadh; agus tuitidh sibh mar shoitheach luachmhor. 35 Agus cha bhi seol-teichidh aig na buachaillean, no dol as aig maithean an treud. 36 Guth caoidh nam buachaillean, agus nuallan mhaithean an treud: oir mhill Iehobhah an cluain-ionaltraidh. 37 Mhilleadh fòs ionada-comhnuidh na sìth, le dian-chorruich Iehobhah. 38 Threig e, mar leomhan, a chuilidh; oir rinneadh an cuid fearainn fàs, trid corruich a mhillteir, is trìd dian-theas fheirge. CAIB. XXVI. ANN an toiseach linn Iehoiacim, mhic Iosiah righ Iudah, thainig am focal so o Iehobhah, ag radh, 2 Mar so deir Iehobhah, Seas ann an cùirt tighe Iehobhah, agus labhair ri uile bhailtibh Iudah, a ta teachd a dheanamh aoraidh ann an tigh Iehobhah, na h-uile bhriathran a dh’ àithneas mise dhuit a labhairt riu; na lughdaich focal; 3 A dh’ fheuchainn an eisd iad, agus am pill iad, gach aon o dhroch shlighe, chum as gu gabhainnse aithreachas do’n olc a th’ann am rùn a thoirt orra air son aingeachd an gniomhara. 4 Agus their thu riu, Mar so deir Iehobhah, Mur eisd sibh riumsa gu siubhal ann a m’ reachd a chuir mi fa ’r comhair, 5 Gu geill a thoirt do bhriathraibh mo sheirbhiseach na fàidhean, a chuir mi chugaibh, araon ag eirigh gu moch is ’gan cur amach, (ge nach d’eisd sibhse,) 6 An sin ni mis’ an tigh so cosmhuil ri Siloh, agus ni mi a’ chaithir so ’na mallachadh do uile chinneachaibh na talmhainn. 7 Agus chuala na sagairt, agus na fàidhean, agus an sluagh uile Ieremiah a’ labhairt nam briathran so ann an tigh Iehobhah. 8 A nis tharladh, air do Ieremiah sgur do labhairt nan uile nithe a dh’ àithn Iehobhah dha a labhairt ris an t-sluagh uile, gu do ghlac na sagairt, agus na fàidhean, agus an sluagh uil’e, ag radh, Cuirear gu deimhin gu bàs thu. 9 Com’ an d’ rinn thu fàisneachd ann an ainm Iehobhah, ag radh, Cosmhuil ri Siloh nithear an tigh so, agus bidh a’ chaithir so fàs gun aon ’ga h-àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah, ann an tigh Iehobhah. 10 ’Nuair a chuala maithean Iudah na nithe so, an sin thainig iad a nios o thigh an righ gu tigh Iehobhah, agus shuidh iad ann an dol asteach a’ gheataidh nuaidh aig tigh Iehobhah. 11 An sin labhair na sagairt agus na fàidhean ris na maithibh, agus ris an t-sluagh gu leir, ag radh, Is airidh air bàs an duine so, oir rinn e fàisneachd an aghaidh na caithreach so, mar a chuala sibh le’r cluasaibh. [TD 133] IEREMIAH. CAIB. XXVII. 12 An sin labhair Ieremiah ris na maithibh uile, ’s ris an t-sluagh gu h-iomlan, ag radh, Chuir Iehobhah mise gu fàisneachd. an aghaidh an tighe so, ’s an aghaidh na caithreach so nan uile bhriathra sin a chuala sibh. 13 Uime sin a nis leasaichibh ’ur slighe agus ’ur deanadas, agus thugaibh geill do ghuth an Tighearna bhur Dia; agus gabhaidh Iehobhah aithreachas do’n olc a labhair e ’nur n-aghaidh. 14 Air mo shon-sa feuch, tha mi ’nur laimh; deanuibh rium mar a chithear maith agus ceart duibh. 15 Ach biodh gu cinnteach fios agaibh, ma chuireas sibh gu bàs mise, gu tarruing sibh fuil neo-chiontach oirbh fein, agus air a’ chaithir so, agus air a luchd-àiteachaidh: oir gu firinneach chuir Iehobhah mise chugaibh, gus na briathran so uile a labhairt ’nur cluasaibh. 16 An sin thuirt na maithean, agus an sluagh uile ris na sagartaibh, is ris na fàidhibh, Cha’n airidh an duine so air bàs, oir ann an ainm an Tighearna ar Dia labhair e ruinn. 17 An sin sheas cuid do sheanairibh na tìre suas, agus labhair iad ri uile cho-thional an t-sluaigh, ag radh, 18 Rinn Micah am Morastach fàisneachd, ann an laithibh Heseciah righ Iudah, agus labhair e ri uile shluagh Iudah, ag radh, Mar so deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion [mar] mhachair air a treabhadh, is bidh Ierusalem ’na carnaibh, agus sliabh an tighe mar ionadaibh arda na frìdhe. 19 An d’thug Heseciah righ Iudah, agus Iudah uile thairis gu bàs e? nach robh eagal Iehobhah air, agus nach d’iarr e Iehobhah, agus ghabh Iehobhah aithreachas do’n olc a labhair e ’nan aghaidh? Ach sinne, tha sinn a’ deanamh aimhleis mhoir an aghaidh ar n-anama fein. 20 (Ach bha fòs duine ann a rinn fàisneachd ann an ainm an Tighearna, Uriah mac Shemariah, o Chireat-iearim, a rinn fàisneachd an aghaidh na caithreach so, agus an aghaidh na tìre so do reir uile bhriathran Ieremiah. 21 Agus an uair a chuala Iehoiacim an righ agus a dhaoine cumhachdach uile, agus na maithean uile, a bhriathran, dh’ iarr an righ a chur gu bàs; agus chuala Uriah sin, agus bha eagal air, is theich e, agus dh’imich e do’n Eiphit. 22 Agus chuir an righ Iehoiacim daoine Eiphiteach, Elnatan mac Achboir, agus iadsan a bha leis, do’n Eiphit. 23 Agus thug iad Uriah a mach as an Eiphit, agus thug iad e chum an righ Iehoiacim, a mharbh e leis a’ chlaidheamh, agus a thilg a chorp ann an uaighean nan daoine coitchionn.) 24 Gidheadh bha lamh Ahicaim mhic Shaphain le Ieremiah, chum nach biodh e air a thoirt thairis do laimh an t-sluaigh, gu chur gu bàs. CAIB. XXVII. ANN an toiseach linn Shedeciah, mhic Iosiah righ Iudah thainig am focal so gu Ieremiah o Iehobhah, chum gu’n abradh e, 2 Mar so deir Iehobhah rium- [TD 134] IEREMIAH. CAIB. XXVII. sa, Dean dhuit fein boinn agus cuingean, agus cuir iad air do mhuineal; 3 Agus cuir iad gu righ Edoim, agus gu righ Mhoaib, agus gu righ nan Amonach, agus gu righ Thiruis, agus gu righ Shidoin, le laimh nan teachdairean a ta air teachd gu Ierusalem a chum Shedeciah righ Iudah; 4 Agus àithn doibh a radh ri ’n tighearnaibh, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Mar so their sibh ri’r tighearnaibh; 5 Rinn mise an talamh; an duine ’s an t-ainmhidh ata air aghaidh na talmhainn, le m’ mhor-chumhachd, agus le m’ ghairdean sìnte mach; agus cò air bith d’am faicear iomchuidh leam a thabhairt, bheir mi e. 6 Agus a nis thug mi na dùchanna so uile do laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin, m’ òglaich, agus beathaichean na machrach fòs thug mi dha, gu frithealadh dha. 7 Agus bheir na h-uile chinnich geill dhasan agus d’a mhac, agus do mhac a mhic, gus an d’thig am a dhùcha fein; an sin bheir iomad cinneach agus righrean mora air san gu toir e geill doibh. 8 Agus tarlaidh, cinneach no rioghachd nach toir geill do Nebuchadnesar so righ Bhabiloin, is nach cuir am muineal fa chuing righ Bhabiloin, le claidheamh, is le gort, is le plàigh smachdaichidh mise an cinneach sin, arsa Iehobhah, gus an sgrios mi iad gu tur le laimh-san. 9 Uime sin na h-eisdibhse ri’r fàidhean,, no ri’r fiosaichean, no ri’r bruadaraichean, no ri’r speuradairean, no ri’r druidhean, a ta labhairt ruibh, ag radh, Cha toir sibh geill do righ Bhabiloin: 10 Oir tha iad a fàisneachd bréige dhuibh, a chum ’ur n-atharrachadh am fad o’r fearann fein, agus a chum gu fògrainn-sa mach sibh, is gu rachadh sibh am mugha. 11 Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fa chuing righ Bhabiloin, agus a bheir dha umhlachd, leigidh mise dhoibh sin fuireach ’nam fearann fein, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad comhnuidh ann. 12 ¶ Agus labhair mise ri Sedeciah righ Iudah do reir nam briathran so air fad, ag radh, Cuiribh ’ur n-amhcha fa chuing righ Bhabiloin, agus thugaibh dha umhlachd, dha fein agus d’a shluagh, agus mairibh beo. 13 C’arson a bhàsaicheas sibh, thu fein agus do shluagh, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlaigh, mar a labhair Dia ’n aghaidh a’ chinnich nach toir geill do righ Bhabiloin? 14 Uime sin na h-eisdibh ri briathraibh nam fàidhean ata labhairt ruibh, ag radh, Cha toir sibh umhlachd do righ Bhabiloin: oir tha iad a’ fàisneachd bhreug dhuibh. 15 Oir cha do chuir mis’ a mach iad, deir Iehobhah, gidheadh tha iad a’ fàisneachd bhreug ann a m’ ainm, a chum gu fògrainn sibhse mach, is gu rachadh sibh am mugha; sibh fein, agus na fàidhean a ta ri fàisneachd dhuibh. 16 Labhair mi cuideachd ris an t-sluagh so uile, ag radh, Mar so deir Iehobhah, Na h-eisdibh ri [TD 135] IEREMIAH. CAIB. XXVIII. briathraibh ’ur fàidhean, a ta ri fàisneachd dhuibh, ag radh, Feuch, bheirear soithichean tighe Iehobhah air an ais a Bhabilon a nis gu gairid; oir tha iad a’ fàisneachd bhreug dhuibh. 17 Na h-eisdibh riu, geillibh do righ Bhabiloin agus mairibh beo; com’ am biodh a’ chaithir so air a deanamh ’na fàsaich? 18 Ach ma ’s fàidhean iad, is ma ta focal Iehobhah maille riu, deanadh iad a nis eadar-ghuidhe ri Iehobhah Dia nan sluagh, a chum nach rachadh na soithichean a ta air am fàgail ann an tigh an Tighearna, ’s ann an tigh righ Iudah, agus ann an Ierusalem, gu Babilon. 19 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, mu thimchioll nam prop, is mu thimchioll na fairge, ’s mu thimchioll nam bonn, is mu thimchioll na cuid eile do na soithichibh a dh’fhan anns a’ chaithir so; 20 Nach d’thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin leis, an uair a thug e air falbh ann am braighdeanas Ieconiah mac Iehoiacim righ Iudah, o Ierusalem gu Babilon, agus uile uaislean Iudah is Ierusaleim. 21 Seadh, mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, mu thimchioll nan soithichean a dh’ fhan ann an tigh an Tighearna, ’s ann an tigh righ Iudah, agus ann an Ierusalem, 22 Gu Babilon bheirear air falbh iad, agus an sin bithidh iad gus an là anns an d’theid mise d’an amharc, arsa Iehobhah: an sin bheir mise nios iad, agus aisigidh mi iad a rìs do’n àite so. CAIB. XXVIII. AGUS tharladh anns a’ bhliadhna sin fein, an toiseach linn Shedeciah righ Iudah, anns a’ cheathramh bliadhna, anns a’ chuigeamh mios, gu do labhair riumsa Hananiah mac Asuir, am fàidh, a bha o Ghibeon, ann an tigh an Tighearna, an lathair nan sagart, agus an t-sluaigh uile, ag radh, 2 Mar so labhair Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag radh, Bhrist mise cuing righ Bhabiloin. 3 An ceann dà bhliadhna iomlan bheir mis’ air an ais a chum an àite so uile shoithichean tighe an Tighearna, a thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin air falbh o’n àite so, agus a ghiulain e gu Babilon. 4 Agus bheir mi chum an àite so a rìs Ieconiah mac Iehoiacim righ Iudah, maille ri uile bhraighdibh Iudah, a dh’imich gu Babilon, arsa Iehobhah; oir bristidh mise cuing righ Bhabiloin. 5 Agus thuirt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, ann an làthair nan sagart, agus ann an làthair an uile shluaigh a bha ’nan seasamh ann an tigh an Tighearna, 6 Eadhon am fàidh Ieremiah thubhairt, Amen: gu deanadh an Tighearna mar sin; gu coilionadh Iehobhah do bhriathran a rinn thu fhàisneachd, le soithichean tighe ’n Tighearna, ’s gach ni eile thugadh air falbh ann am bruid, a thoirt air an ais o Bhabilon a chum an àite so. 7 Gidheadh cluinn thusa nis am focal so ta mis’ a’ labhairt ann a d’ eisdeachd, agus ann an eisdeachd an t-sluaigh uile. 8 Na fàidhean, a bha romham- [TD 136] IEREMIAH. CAIB. XXIX. sa agus romhad-sa o shean, rinn iad fàisneachd araon do thaobh mhoran dhùchannan, is do thaobh rioghachdan mora, air cogadh, is air gort, is air plàigh. 9 Am fàidh a ni fàisneachd mu shìth, ’nuair a thig focal an fhàidh gu crìch, aithnichear gur e Iehobhah gu deimhin a chuir am fàidh sin a mach. 10 An sin thug am fàidh Hananiah a’ chuing bharr amhcha an fhàidh Ieremiah, agus bhrist e i. 11 Agus labhair Hananiah ann an lathair an t-sluaigh uile, ag radh, Mar so deir Iehobhah, Amhuil so bristidh mise cuing Nebuchadnesair righ Bhabiloin o mhuineal nan uile chinneach an taobh astigh do dhà bhliadhna iomlan. Agus dh’ fhalbh am fàidh Ieremiah roimhe. 12 Agus thainig focal Iehobhah gu Ieremiah, (an deigh do’n fhàidh Hananiah a’ chuing a bhristeadh bharr muineil an fhàidh Ieremiah) ag radh, 13 Imich, agus labhair ri Hananiah, ag radh, Mar so deir Iehobhah, Na cuibhrichean fiodha bhrist thu, ach ni thu ’nan àite cuibhrichean iaruinn. 14 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Cuing iaruinn chuir mise air muineal nan cinneach so uile, a chum gu d’thugadh iad geill do Nebuchadnesar righ Bhabiloin, agus bheir iad geill da; agus beathaichean na machrach thug mise dha mar an ceudna. 15 An sin thuirt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, Eisd a nis, a Hananiah; Cha do chuir Iehobhah fios leatsa, ach tha thu toirt air an t-sluagh so earbs’ a dheanamh a bréig. 16 Uime sin mar so deir Iehobhah, Feuch, tilgidh mise thu bharr aghaidh na talmhainn; air a’ bhliadhna so gheibh thu bàs, a chionn gu do labhair thu ar a mach an aghaidh Iehobhah. 17 Is amhuil a fhuair am fàidh Hananiah bàs air a’ bhliadhna cheudna, anns an t-seachdamh mios. CAIB. XXIX. ANIS is iad so briathran na litreach a chuir am fàidh Ieremiah o Ierusalem gus a’chuid eile do na seanairean a thugadh air falbh ann am braighdeanas, agus gus na sagartan, agus gus na fàidhean, agus gus an uile shluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am braighdeanus o Ierusalem gu Babilon, 2 (An deigh do Ieconiah an righ, agus a’bhan-righinn, agus na caillteanaich, agus maithean Iudah agus Ierusalem, agus an luchd-ealainn, agus na h-airm-cheaird, imeachd air falbh o Ierusalem,) 3 Le laimh Elasah mhic Shaphain, agus Ghemaria mhic Hilciah, (a chuir Sedeciah righ Iudah do Bhabilon gu Nebuchadnesar righ Bhabiloin,) ag radh, 4 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, ris na h-uile ta air an toirt air falbh ann am braighdeanas, a thug mise fanear a bhi air an toirt air falbh o Ierusalem gu Babilon. 5 Togaibh tighean, is gabhaibh comhnuidh; agus suidhichibh liosan, is ithibh an toradh. 6 Gabhaibh mnathan, agus ginibh mic agus nigheanan; agus gabhaibh mnathan d’ur macaibh, is thugaibh ’ur nigheanan do [TD 137] IEREMIAH. CAIB. XXIX. fhearaibh, a chum as gu beireadh iad mic agus nigheanan; a chum as gu meudaichear sibh anns an àite sin, agus nach lughdaichear sibh. 7 Agus iarruibh sìth na dùcha gus an d’thug mise fanear sibh a bhi air ’ur toirt air falbh ann am braighdeanas: agus guidhibh air a son ris an Tighearna: oir ’na sìth-sa bidh sìth agaibh-sa. 8 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a ta ’nur measg, agus le ’r luchd-fiosachd; ni mò dh’eisdeas sibh ri ’r bruadair a ta sibh a’toirt fanear a bhruadar. 9 Oir tha iad a’ fàisneachd bhreug dhuibh ann a m’ ainm-sa; cha do chuir mis’ a mach iad; arsa Iehobhah. 10 Oir mar so deir Iehobhah, An uair a choilionar ann am Babilon deich agus tri fichead bliadhna, thig mise gu’r n-amharc, agus coilionaidh mi dhuibh m’fhocal maith, a chum ’ur toirt air ’ur n-ais do’n àite so. 11 Oir tha beachd agam air an rùn a ghabh mi do’r taobh, arsa Iehobhah, rùn sìth, is cha’n e aimhleis, a thoirt duibh sliochd agus dochais. 12 An sin gairmidh sibh ormsa, agus theid sibh is ni sibh urnaigh rium, agus eisdidh mise ruibh. 13 Agus iarruidh sibh mi, agus gheibh sibh, an uair a rannsaicheas sibh air mo shon le’r n-uile chridhe. 14 Agus bidh mise air m’fhaotainn leibh, arsa Iehobhah, agus pillidh mi air a h-ais ’ur bruid, agus cruinnichidh mi sibh o na h-uile chinnich, is o na h-uile àite gus an d’fhògair mi sibh, deir Iehobhah, ’s bheir mi sibh a rìs a chum an àite o’n d’ thug mi fanear ’ur toirt air falbh ann am braighdeanus. 16 Ach mar so deir Iehobhah ris an righ a ta ’na shuidhe air cathair Dhaibhidh, is ris an uile shluagh a ta chomhnuidh anns a’ bhaile so, agus ri ’r braithribh nach deachaidh a mach leibh ann am braighdeanus; 17 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Feuch, cuiridh mis’ orra an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, agus ni mi iad mar na droch fhìgean, nach feudar itheadh aig an olcas. 18 Agus dian-ruaigidh mi iad leis a’chlaidheamh, leis a’ ghort, is leis a phlàigh; agus bheir mi thairis iad gu bhi air an luasgadh air feadh uile rioghachdan an domhain, gu bhi ’nam mallachadh, agus ’nan uabhas, agus ’nan sgeig, agus ’nam masladh, ann am measg nan uile chinneach gus an dean mise am fògradh: 19 A chionn nach d’eisd iad ri m’ bhriathraibh-sa, deir Iehobhah, ’nuair a chuir mi d’ an ionnsuidh m’òglacha na fàidhean, ag eirigh gu moch, agus ’gan cur a mach, ach cha b’àill leibhse eisdeachd, arsa Iehobhah. 20 Cluinnibh uime sin focal Iehobhah, sibhs’ uile ta do ’n bhruid, a chuir mise o Ierusalem gu Babilon: 15 A chionn gu dubhairt sibh, Dhùisg Iehobhah suas duinn fàidhean ann am Babilon: 21 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, do thaobh Ahaib mhic Cholaiah, agus Shedeciah mhic Mhaaseiah, a ta fàisneachd bhreug dhuibh ann am ainm-sa, Feuch, bheir mise thairis [TD 138] IEREMIAH. CAIB. XXX. iad gu laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin, agus marbhaidh esan iad fa chomhair ’ur sùl. 22 Agus uatha-san togar a suas mallachadh le uile bhraighdibh Iudah a th’ ann am Babilon, ag radh, Gu deanadh an Tighearna thu cosmhuil ri Sedeciah, agus cosmhuil ri Ahab, a ròst righ Bhabiloin anns ann teine. 23 Do bhrìgh gu do chuir iad an gniomh aingeachd ann an Israel, agus gu d’ rinn iad adhaltrus le mnaibh an coimhearsnach, agus gu do labhair iad briathran breugach ann am ainm-sa, nach d’àithn mise dhoibh, air am bheil eadhon mise fiosrach agus ann a m’fhianuis, deir Iehobhah. 24 Labhraidh tu fòs ri Semaiah an Nehelamach, ag radh, 25 Mar so labhair Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag radh, A chionn gu do chuir thu litrichean ann a d’ainm a chum an uile shluaigh a th’ann an Ierusalem, agus a chum Shephaniah mhic Mhaaseiah an sagart, is a chum nan sagart air fad, ag radh, 26 Rinn Iehobhah dhiot-sa sagart ann an àite Iehoiada an t-sagairt, a chum gu biodh luchdriaghailt ann an tigh an Tighearna, air son gach duine ta air chuthach, agus a’deanamh dheth fein fàidh, a chum a chur anns an tigh-smachdachaidh, is ann an sàs. 27 Uime sin a nis com’ nach do chronuich thu Ieremiah o Anatot, a tha ’ga dheanamh fein ’na fhàidh dhuibh? 28 Oir chuir e gun amharus fios chugainne ta ann am Babilon, ag radh, Tha [bhruid] so buan, togaibh tighean, agus gabhaibh comhnuidh, agus suidhichibh liosan, agus ithibh an toradh. 29 [Agus leugh Sephaniah an sagart an litir so ann an cluasaibh Ieremiah an fhàidh.] 30 Uime sin thainig focal Iehobhah gu Ieremiah, ag radh, 31 Cuir fios gu muinntir na bruid air fad, ag radh, Mar so labhair Iehobhah do thaobh Shemaiah an Nehelamaich; A chionn gu d’ rinn Semaiah fàisneachd dhuibh, an uair nach do chuir mise mach e, agus gu d’ thug e oirbh earbs’ a dheanamh a bréig: 32 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah, Feuch, smachdaichidh mise Semaiah an Nehelamach, agus a shliochd: cha bhi aige duine a ghabhas comhnuidh am measg an t-sluaigh so, ni mò chi e am maith a ni mise air son mo phobuill, deir Iehobhah, a chionn gu do labhair e ceannairc an aghaidh Iehobhah. CAIB. XXX. AM focal a thainig a chum Ieremiah o Iehobhah, ag radh, 2 Mar so labhair Iehobhah, Dia Israeil, ag radh, Scriobh dhuit fein na h-uile bhriathran a labhair mise riut, ann an leabhar. 3 Oir feuch, tha na laithean a’ teachd, deir Iehobhah, anns an toir mis’ air a h-ais bruid mo shluaigh, Israeil agus Iudah, arsa Iehobhah, agus bheir mi fanear gu pill iad a chum an fhearainn a thug mi d’an aithrichibh, agus sealbhuichidh iadsan e. 4 Agus so na briathran a labhair Iehobhah mu thimchioll Israeil, agus mu thimchioll Iudah. [TD 139] IEREMIAH. CAIB. XXX. 5 Oir mar so deir Iehobhah, Guth criothnachaidh chuala sinn; eagal is cha’n e sìth. 6 Feoruichibh a nis, agus feuchaibh am beir firionnach leanabh? com’ am faic mi gach duine ’s a lamhan air a leasraibh, mar mhnaoi ri saothair, is tha na h-uile aghaidh air fàs bàn? 7 Mo dhunaigh! oir is mor an là sin, is cha’n ’eil a choimeas ann: agus is aimsir teantachd i do Iacob; ach tearnar aisd’ e. 8 Oir tarlaidh anns an la sin, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, gu brist mise a chuing bharr a mhuineil, agus a chuibhrichean sgaoilidh mi as a cheile; agus cha ghabh coigrich ni’s mò seirbhis deth. 9 Ach bheir iad seirbhis do’n Tighearna an Dia, agus do Dhaibhidh an righ, a thogas mise suas doibh. 10 Uime sin na biodh eagal ort, O Iacoib m’ òglach-sa, deir Iehobhah, agus na biodh geilt ort, O Israeil; oir feuch, bheir mise tearuint thu o chéin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus pillidh Iacob, agus gheibh e fois agus sìth, is cha bhi aon neach ann a chur eagail air. 11 Oir tha mise maille riut, arsa Iehobhah, chum do thearnadh: ge do ni mi criochnachadh iomlan air na h-uile chinnich gus an d’ fhògair mi thu, gidheadh cha dean mi criochnachadh iomlan ort-sa: ach ni mi do smachdachadh ann an tomhas, agus cha’n fhuiling mi dhuit dol as gu h-iomlan o pheanas. 12 Oir mar so deir Iehobhah, Is do-leigheas do bhruthadh, is cràiteach do chreuchd. 13 Cha’n ’eil neach ann a ni coghnadh leat, a chum gu biodh tu air do cheangal a suas: cungaidhean leighis air bith cha’n ’eil agad. 14 Rinn do leannana gu leir do dhearmad: cha’n ’eil iad ’ga d’ iarruidh, oir rinn mise do lot le lot namhaid, le smachdachadh an-iochdmhor; a chionn gu robh do chionta mor; do lochdan lionmhor. 15 Com’ an glaodh thu ann a d’ amhghar? do bhròn cha ghabh leigheas; a chionn gu robh do chionta mor, do lochdan lionmhor, rinn mise na nithe so ort. 16 An deigh sin bidh iadsan uile ta ga d’ shlugadh air an slugadh, agus theid do naimhdean uile, gach aon diubh, gu daorsa: agus iadsan a tha ga d’ chreachadh, bidh iad fein ’nan creich, agus na h-uile ta deanamh cobhartaich dhiot bheir mise, gu bhi ’nan cobhartach. 17 Oir aisigidh mi slainte dhuit, is ni mi do leigheas o d’ chreuchdaibh, arsa Iehobhah; ge do thuirt iad riut Diobarach, Sion, ise do nach ’eil aig aon neach suim. 18 Mar so deir Iehobhah, Feuch, bheir mis’ air a h-ais bruid phailliun Iacoib, agus air ionada comhnuidh ni mi iochd, agus togar a’ chaithir air a torr fein, agus bidh an lùchairt a reir a nòis fein air a daighneachadh. 19 Agus amach asda thig buidheachas, agus guth na muinntir a ni gairdeachas: agus ni mise lionmhor iad, is cha bhi iad tearc; ni mi fòs glormhor iad, is cha bhi iad air an lughdachadh. 20 Bidh an clann fòs mar [TD 140] IEREMIAH. CAIB. XXXI. roimhe so, is bidh an co-thional air a dhaighneachadh ann a m’ lathair-sa, agus ni mi peanas air gach neach a shàruicheas iad. 21 Agus thig Uachdaran uaith fein, is thig fhear-riaghlaidh a mach as a mheadhon; agus tairngidh mis’ e, a chum gu d’ thigeadh e dlù dhomh: oir cò e so a shocruich a chridhe air teachd am fogus dhomhsa? deir Iehobhah. 22 Agus bidh sibhse ’nur sluagh dhomhsa, agus bidh mis’ ann am Dhia dhuibhse. 23 Feuch, tha cuairt-ghaoth Iehobhah a’ dol a mach le corruich; cuairt-ghaoth bhuan, a thuiteas le dòrainn air ceann nan ciontach. 24 Cha phill dian-chorruich Iehobhah air a h-ais gus an dean, agus gus an coilion e rùn a chridhe: anns na laithibh deireannach bheir sibh so fanear. CAIB. XXXI. ANNS an am cheudna deir Iehobhah, bidh mis’ ann am Dhia do uile theaghlaichibh Israeil, agus bidh iadsan dhomhsa ’nam pobull. 2 ¶ Mar so thubhairt Iehobhah, Fhuair sluagh, fuigheall a’ chlaidheamh, caoimhneas anns an fhàsaich; Israel air a thurus a dh’ ionnsuidh a shuaimhneis. 3 (O chéin dh’ fhoillsicheadh Iehobhah dhomhsa) Seadh le gradh siorruith ghradhuich mi thu: uime sin tharruing mi thu le caomhalachd. 4 Arìs, togaidh mi thu, ’s bithidh tu air do thogail, O òigh Israeil; a rìs sgeadaichidh tu thu fein le d’ thiompanaibh, is theid thu mach ann an damhsa na muinntir a ni aidhear. 5 Suidhichidh tu fathasd fion-liosan air sleibhtibh Shamaria; suidhichidh, O a luchd-suidheachaidh, agus ithibh fein an toradh. 6 Oir thainig an là, dh’éigh an luchd-faire air sliabh Ephraim; Eiribh, agus rachamaid asuas gu Sion, a chum an Tighearna ar Dia. 7 Oir mar so deir Iehobhah, Deanaibh iolach ann an Iacob le h-aoibhneas, agus luaghairibh am measg rogha nan cinneach: cuiribh an ceill, molaibh, agus abraibh, Shaor Iehobhah a shluagh, iarmad Israeil. 8 Feuch, bheir mi iad o’n tìr mu thuath, agus tionailidh mi iad o chriochaibh na talmhainn: an dall agus am bacach maille riu, a’ bhean thorrach, maraon is ise ta ri saothair; ’nan cuideachd mhoir pillidh iad. 9 Feuch thig iad le gul, agus le caomhalachd ni mis’ an treoruchadh; treoruichidh mi iad ri taobh nan sruithean uisge, air slighe réidh, far nach faigh iad tuisleadh; oir tha mise ann am athair do Israel; agus Ephraim, is esan mo cheud-ghin. 10 Eisdibh focal Iehobhah, o chinneacha, agus cuiribh an ceill e anns na h-eileanaibh fad as, agus abraibh, Esan a sgap Israel, ni e chruineachadh, agus a choimhead, mar ni buachaill’ a threud. 11 Oir shaor Iehobhah Iacob, agus dh’ fhuasgail e o laimh an neach bu treise na e fein e. 12 Uime sin thig iad agus seinnidh iad ann an airde Shioin, agus cruinnichidh iad le cheile [TD 141] IEREMIAH. CAIB. XXXI. chum maitheis an Tighearna, air son cruineachd, agus air son fiona, ’s air son ola, ’s air son àlaich an treud agus na spreidhe: agus bidh an anam mar ghàrradh uisgichte, ’s cha dean iad air aon chor bròn ni ’s mò. 13 An sin ni an òigh gairdeachas anns an damhsa, na daoin’ òga ’s na sean daoine le cheile: oir tionndaidh mis’ am bròn gu h-aoibhneas, bheir mi dhoibh mar an ceudna co-fhurtachd, is bheir mi orra bhi solasach an dèigh an amhghair. 4 Agus sàsuichidh mi anam nan sagart le nithibh blasda, agus bidh mo shluagh air an sàsuchadh le m’ mhaitheas, deir an Tighearna, 5 ¶ Mar so deir Iehobhah, Chualas guth ann nn Ramah, caoidh guil ro-ghoirt; Rachel a’ gul air son a cloinne; dhiult i co-fhurtachd, a chionn nach ’eil iad ann. 16 Mar so deir Iehobhah, Cum do ghuth o chaoidh, agus do shùilean o dheuraibh: oir gheibh do shaothair duais, deir an Tighearna, agus thig iad a rìs o thìr an namhaid. 17 Agus bidh dochas aig do shliochd, arsa Iehobhah, agus thig do chlann a rìs gu’n chriocha fein. 18 Gu deimhin chuala mi Ephraim a’ caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a’ chuing: pill thusa mi, agus bithidh mi air mo philleadh; oir is tu an Tighearna mo Dhia. 19 Gu deimhin an deigh dhomh bhi air mo philleadh, ghabh mi aithreachas, agus an deigh dhomh bhi air mo theagasg, bhuail mi air mo leis: bha nàir’ orm, seadh fòs geur-amhluadh, a chionn gu do ghiulain mi masladh m’ òige. 20 Nach e Ephraim mo mhac caomh? nach leanabh ro-thaitneach e? oir o’n uair a labhair mi ’na aghaidh, tha mi gu dùrachdach ’ga chuimhneachadh fathasd: uime sin tha fuaim ann am chom air a shon: ni mi gu deimhin trocair air, arsa Iehobhah. 21 Cur asuas duit fein comharan slighe; dean duit fein croinn arda: cuir do chridhe ris an t-slighe, an t-slighe air an d’imich thu: pill a rìs, O òigh Israeil, pill a rìs chuca so, do chàithrichean. 22 Cia fhad a bhios tu ag tionndadh mu’n cuairt, O a nighean chùl-sleamhnach? oir cruthaichidh Iehobhah ni nuadh air an talamh, Ni bean fear a chuartachadh. 23 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Gnathaichidh iad fathasd a’ chainnt so annn am fearann Iudah, agus ’na bhailtibh, an uair a bheir mis’ air a h-ais am bruid, Gu beannuicheadh an Tighearna thu, O aite-chomhnuidh a’ cheartais, O shleibh na naomhachd. 24 Agus gabhaidh Iudah comhnuidh ann, agus ’na uile bhailtean; bidh iad araon ’nan treabhaichean, is nan luchd-coimhead threudan. 25 Oir shàsuich mise an t-anam tartmhor, is gach anam acrach lion mi. 26 Air so mhosgail, agus chunnaic mi; agus bha mo chadail aoibhinn leam. 27 Feuch tha na làithean a’ [TD 142] IEREMIAH. CAIB. XXXI. teachd, tha Iehobhah ag radh; anns an cuir mise tigh Israeil, agus tigh Iudah, le siol duine ’s le siol ainmhidh. 28 Agus tarlaidh, amhuil a rinn mise faire os an cionn gu spionadh anios, gu bristeadh, agus gu tilgeadh a sios, agus gu sgrios, agus gu claoidh; mar sin ni mi faire os an cionn, gu togail agus gu suidheachadh, arsa Iehobhah. 29 Anns na laithibh sin cha’n abair iad ni ’s mò, Dh’ ith na h-aithrichean meas searbh, agus tha dèisinn air fiaclaibh na cloinne. 30 Ach gheibh gach aon bas ’na aingeachd fein, gach aon a dh’itheas an caorann searbh, air fhiaclaibh-san bidh dèisinn. 31 ¶ Feuch tha na làithean a’ teachd, deir Iehobhah; anns an dean mise co-cheangal nuadh ri tigh Israeil, agus ri tigh Iudah: 32 Cha’n ann a reir a’ cho-cheangail a rinn mi ri’n aithrichibh anns an là san do ghlac mi air laimh iad, a chum an toirt amach a talamh na h-Eiphit, eadhon mo cho-cheangal a bhrist iad, ge do bha mi ann am fhear-pòsda dhoibh, arsa Iehobhah: 33 Ach so an co-cheangal a ni mi ri tigh Israeil; An deigh nan làithean sin, deir Iehobhah, cuiridh mi mo reachd anns a’ chuid a stigh dhiubh agus scriobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhoibhsan ann am Dhia, ’s bidh iadsan dhomhsa ’nam pobull. 34 Agus cha teagaisg iad ni ’s mò gach aon a choimhearsnach, is gach aon a bhrathair, ag radh, Gabhaibh eolas air an Tighearna: oir gabhaidh iad eolas ormsa uile, o’n neach is lugha gus an neach is mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingeachd, is cha chuimhnich mi ni ’s mò an cionta. 35 Mar so deir Iehobhah, tha toirt na greine air son soluis anns an là, orduighean na gealaiche ’s nan reultan air son soluis anns an oidhche, ta deanamh na fairge ciuin an tra bhios a tuinn a’ beucaich; Iehobhah Dia nan sluagh is e ainm. 36 Ma dh’imicheas na h-orduighean so as mo shealladh-sa, deir Iehobhah, an sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil o bhi nan cinneach am feasd ann am lathair. 37 Mar so deir Iehobhah, Ma dh’fheudar na neamha shuas a thomhas, agus bunaite na talmhainn shios a rannsachadh a mach, an sin tilgidh mise uam mar an ceudna uile shliochd Israeil; air son gach ni rinn iad, arsa Iehobhah. 38 Feuch, tha na laithean a’ teachd, deir Iehobhah, anns an togar a’chaithir air son Iehobhah, o thorr Hananeeil gu geata na h-oisinne. 39 Agus theid an t-sreang-thomhais fathasd a mach m’a coinneamh, thair sliabh Ghareib, agus cuartaichidh i ’steach Goat. 40 Agus gleann nan corpa mharbha gu h-iomlan, agus nan luaithre, agus na machraichean uile gu sruthan Chidroin, gu oisionn geata nan each an taobh an ear, bidh naomha do Iehobhah: cha spionar a nios, is cha tilgear a sios e ni ’s mò gu bràth. [TD 143] IEREMIAH. CAIB. XXXII. CAIB. XXXII. AM focal a thainig gu Ieremiah o Iehobhah, ann an deicheamh bliadhna Shedeciah righ Iudah, (b’i sin ochdamh bliadhna deug Nabuchadnesair) 2 Anns an am an robh feachd righ Bhabiloin a’ cuartachadh Ierusaleim, agus Ieremiah am fàidh air a dhruideadh a suas ann an cùirt a phriosuin, a bha ’n tigh righ Iudah. 3 Oir dhruid Sedeciah righ Iudah suas e, ag radh, Com’ am bheil thu ri fàisneachd, agus ag radh, Mar so deir an Tighearna, Feuch, bheir mis’ a’ chaithir so gu laimh righ Bhabiloin, agus glacaidh esan i; 4 Agus cha d’ theid Sedeciah righ Iudah as o laimh nan Caldeanach, ach bheirear suas e gu deimhin do laimh righ Bhabiloin, agus labhraidh e ris beul ri beul, is chi a shùilean a shuilean-san. 5 Agus bheir e leis Sedeciah gu Babilon, agus an sin bithidh e gus an d’ thig mise g’a amharc, deir an Tighearna: ge do ghleachd sibh ris na Caldeanaich, cha bhuadhaich sibh. 6 ¶ Agus thubhairt Ieremiah, thainig focal Iehobhah chugam-sa, ag radh, 7 Feuch, thig Hanameel mac Shaluim brathair d’ athar, do d’ionnsuidh, ag radh, Ceannuich dhuit fein mo mhachair-sa a ta ’n Anatot: oir is leat ceart a fuasglaidh gus a ceannach. 8 Agus thainig Hanameel mac brathar m’ athar do m’ ionnsuidh ann an cùirt a’ phriosuin, a reir focail an Tighearna, agus thuirt e rium, Ceannuich, guidheam ort, mo mhachair a ta ’n Anatot, ann an dùthaich Bheniamin: oir is leatsa a’ chòir sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannuich i dhuit fein: an sin dh’aithnich mi gu b’e so focal an Tighearna. 9 Agus cheannuich mi machair Hanameeil mhic brathar m’athar, a bha ’n Anatot, agus thomhais mi dha an t-airgiod, seachd seceile deug airgid. 10 Agus chuir mi mo lamh ris an scriobhadh, agus sheulaich mi e, ’s ghabh mi fianuisean, agus thomhais mi an t-airgiod air a’ mheigh. 11 Agus ghabh mi dearbhadh a cheannuich, e sin anns an robh an gnothuch agus na cumhnantan seulaichte, agus e sin a bha fòsgailte. 12 Agus thug mi dearbhadh a’ cheannuich do Bharuch mac Neriah, mhic Mhaaseiah, ann an sealladh Hanameeil mhic brathar m’athar, agus an lathair nam fianuisean, a chuir an lamh ri leabhar a cheannuich, an lathair nan Iudach uile bha ’nan suidhe ann an cùirt a’ phriosuin. 13 Agus thug mi earail theann do Bharuch ’nan lathair, ag radh, 14 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Gabh na scriobhuinnean so, an scriobha so na ceannachd, araon e sin a ta seulaichte, ’s an scriobha so ta fosgailte, agus cuir iad ann an soitheach criadha, chum gu mair iad moran laithean. 15 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Sealbhuichear tighean, agus machraichean, agus fion-liosan anns an tìr so fathasd. 16 A nis an uair a thug mi seachad scriobha na ceannachd do Bharuch mac Neriah, ghuidh mi ris an Tighearna, ag radh, [TD 144] IEREMIAH. CAIB. XXXII. 17 Ah, a Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa neamh agus an talamh le d’ mhor-chumhachd agus le d’ ghairdean sìnte mach, is cha ’n ’eil ni sam bith tuille ’s cruaidh ort. 18 Taisbeanaidh tu caoimhneas gradhach do mhìltibh, agus dìolaidh tu aingeachd nan aithrichean ann an uchd an cloinne ’nan deigh: an Dia mor, cumhachdach, do ’n ainm Iehobhah Dia nan sluagh. 19 Mor ann an comhairle, ’s cumhachdach ann an gniomh, (oir tha do shùilean fosgailt air uile shlighibh chloinn nan daoine, a thoirt do gach aon do reir a shlighe, ’s do reir toraidh a ghniomhara,) 20 A dh’fhoillsich comharan agus miorbhuilean ann an tìr na h-Eiphit, gus an là an diugh, agus ann an Israel, agus ann am measg dhaoine, ’s a rinn duit fein ainm, mar air an là an diugh; 21 Agus a thug a mach do shluagh Israel a tìr na h-Eiphit, le comharaibh agus le miorbhuilibh, agus le laimh làidir, agus le gairdean sìnt’ a mach, agus le h-uabhas mor. 22 Agus a thug dhoibh am fearann so, a mhionnuich thu da’n aithrichibh gu tugadh tu dhoibh, fearann a’sruthadh le bainne ’s le mil. 23 Agus thainig iad a steach agus shealbhuich iad e; ach cha d’thug iad geill do d’ghuth-sa, ni mò ghluais iad ann a d’reachd: cha d’rinn iad ni sam bith do na h-uile nithibh a dh’ àithn thusa dhoibh a dheanamh: uime sin thug thu air an olc so uile teachd orra. 24 Feuch, na h-inneil-bhristidh; tha iad air teachd a chum na caithreach gus a glacadh, agus tha a’chaithir air a toirt do laimh nan Caldeanach a ta cogadh na h-aghaidh, air son a chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an ni a labhair thu thainig gu crìch, agus feuch, tha thusa ’g a fhaicinn. 25 Gidheadh thuirt thu riumsa, (O Tighearna Dhia,) Ceannuich dhuit fein a’ mhachair air son airgid, agus gabh fianuisean: an uair a ta chaithir air a toirt thairis gu laimh nan Caldeanach. 26 An sin thainig focal Iehobhah gu Ieremiah, ag radh, 27 Feuch, is mise Iehobhah, Dia na h-uile fheoil: am bheil ni sam bith tuille ’s cruaidh ormsa? 28 Uime sin mar so deir Iehobhah, Feuch, bheir mi a’chaithir so do laimh nan Caldeanach, agus do laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin, agus glacaidh esan i. 29 Agus thig na Caldeanaich, a ta cogadh an aghaidh na caithreach so, agus cuiridh iad teine rithe, agus loisgidh iad i maille ris na tighibh air an d’ rinn iad tùis a losgadh air am mullach do Bhaal, is tabhartasa-dibhe dhòrtadh a mach do dhéibh eile, chum mis’ a bhrosnuchadh gu feirg. 30 Oir cha d’rinn clann Israeil agus clann Iudah ach olc a mhàin ann am fhianuis-sa, o ’n òige: oir cha d’rinn clann Israeil ach a mhàin mo bhrosnuchadh gu feirg le obair an lamha, deir Iehobhah. 31 Oir bha chaithir so dhomhsa mar chuis-dhùsgaidh m’fheirge, ’s mo chorruiche, o’n là san do thog iad i, eadhon gus an là an [TD 145] IEREMIAH. CAIB. XXXIII. diugh; a chum gun atharruichinn i as mo shealladh: 32 Air son uile aingeachd cloinne Israeil, agus cloinne Iudah, a rinn iad a chum mise bhrosnuchadh gu corruich, iad fein, an righrean, an uachdarain, an sagairt, agus am fàidhean, agus muinntir Iudah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim. 33 Agus thionndaidh iad riumsa an cùl, is cha ’n i an aghaidh; ge do theagaisg mi iad, ag eirigh gu moch agus a’teagasg, gidheadh cha d’ eisd iadsan, a ghabhail teagaisg. 34 Ach shuidhich iad an gràinealachdan anns an tigh a ta air ainmeachadh ormsa, chum a thruailleadh. 35 Agus thog iad ionadan arda Bhaail, a ta ’n gleann mhic Hinoim, a thoirt air am mic is air an nigheana dol trìd [an teine] do Mholoch, ni nach d’ àithn mise dhoibh, is nach d’thaing idir ann am aire; a’ cur an gniomh na gràinealachd so, gu cionta thoirt air Iudah. 36 Agus a nis uime sin mar so deir Iehobhah Dia Israeil, do thaobh na caithreach so mu ’m bheil sibhs’ ag radh, Bidh i air a toirt thairis do laimh righ Bhabiloin, leis a’chlaidheamh, is leis a’ghort, is leis a’ phlàigh: 37 Feuch, tionailidh mis’ iad as na h-uile dhùchannaibh, gus an d’ fhògair mi iad ann am chorruich, is ann am bhoile, ’s ann am mhor-fheirg; agus bheir mi chum an àite so iad a rìs, is bheir mi orra comhnuidh ghabhail gu tearuinte. 38 Agus bidh iad dhomh-sa ’nan sluagh, is bidh mise dhoibhsan ann am Dhia. 39 Agus bheir mi dhoibh aon chridhe, ’s aon slighe, a chum as gu bi m’ eagal-sa gu bràth orra, chum an leas fein, agus an cloinne ’nan deigh. 40 Agus ni mi riu co-cheangal siorruith, nach pill mi air falbh uatha, chum maith a dheanamh dhoibh; agus cuiridh mi m’eagal ’nan cridhe, chum nach dealuich iad rium. 41 Seadh ni mi gairdeachas tharta chum maith a dheanamh dhoibh, agus suidhichidh mi iad anns an fhearann so gu deimhin, le m’ uile chridhe, ’s le m’ uile anam. 42 Oir mar so deir Iehobhah, Amhuil a thug mi ’n t-olc mor so uile air an t-sluagh so, is amhluidh bheir mi orra am maith sin uile a gheall mi dhoibh. 43 Agus ceannuichear machraichean anns an fhearann so, mu ’m bheil sibhs’ ag radh, Tha e fàs gun duine no ainmhidh; tha e air a thoirt do laimh nan Caldeanach. 44 Ceannuichidh daoine machraichean air son airgid, agus cuiridh iad an lamh ri scriobhainnibh, agus seulaichidh iad, is gabhaidh iad fianuisean ann am fearann Bheniamin, is anns na h-àiteachaibh dlù do Ierusaleim, agus ann am bailtibh Iudah, agus ann am bailtibh nam beann, agus ann am bailtibh a chomhnaird, agus ann am bailtibh na h-airde deas: oir bheir mise air a h-ais am bruid, arsa Iehobhah. CAIB. XXXIII. OSBARR, thainig focal an Tighearna gu Ieremiah an dara uair, (an tra bha e fathasd [TD 146] IEREMIAH. CAIB. XXXIII. air a dhruideadh a suas ann an cùirt a phriosun,) ag radh, 2 Mar so deir Iehobhah a rinn e, Iehobhah a dhealbh e, ata fòs ’ga dhaighneachadh; is e ainm Iehobhah, 3 Glaodh riumsa, ’s bheir mi dhuit freagradh, agus feuchaidh mi dhuit nithe mora agus cumhachdach, air nach ’eil thu eolach. 4 Oir mar so deir Iehobhah, Dia Israeil, do thaobh thighean na caithreach so, agus do thaobh thighean righrean Iudah, a ta air an tilgeadh, a sios leis na h-inneil-bhristidh agus leis a’ chlaidheamh, 5 A ta air teachd gu cogadh air taobh nan Caldeanach, agus gu’n lionadh le corpaibh marbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, is ann am chorruich, agus a thug orm, airson an uile aingeahd, mo ghnùis fholach o’n chaithir so: 6 Feuch, bheir mi dh’i slàinte agus leigheas, agus ni mi an slànuchadh; agus nochdaidh mi dhoibh pailteas sìth agus firinn. 7 Agus bheir mi air a h-ais bruid Iudah, agus bruid Israeil; agus togaidh mi iad mar air tùs. 8 Agus glanaidh mi iad o’n uile aingeachd, leis an do chiontaich iad am aghaidh; agus maithidh mi an uile lochdan leis an do pheacaich iad, is leis an d’rinn iad ar a mach ann am aghaidh. 9 Agus bidh [a’ chaithir] so dhomhsa ’na h-ainm solais, ’na moladh, is ’na maise, ann am measg uile chinneacha na talmhainn, a chluinneas gach uile mhaith a ni mise dhoibh: agus bidh eagal agus crith orra air son an uile mhaitheis, agus air son an uile shoirbheachaidh a dheonuicheas mise dhoibh. 10 Mar so deir Iehobhah, A rìs cluinnear anns an àite so mu ’m bheil sibhse ag radh, Tha e fàs gun duine, ’s gun aimhidh, ann an caithrichibh Iudah, agus ann an sràidibh Ierusaleim, ata fàs gun duine, eadhon gun fhear-àiteachaidh agus gun ainmhidh, 11 Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nua’-phòsda agus guth na mnà nua’pòsda, guth na muinntir a their, Molaibhse Iehobhah Dia nan sluagh, oir tha Iehobhah maith, oir tha throcair buan gu siorruith; na muinntir a bheir an iobairt-mholaidh gu tigh an Tighearna; oir bheir mise air a h-ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir Iehobhah. 12 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Fathasd anns an àite so a ta fàs, gun duine ’s gun ainmhidh, agus ’na uile bhailtibh, bidh àite-comhnuidh nam buachall a’toirt air an treudan luidhe sios 13 Ann am bailtibh nam beann agus ann am bailtibh a’ chomhnaird, agus ann am bailtibh na h-airde deas, agus ann am fearann Bheniamin agus anns na h-ionadaibh timchioll Ierusaleim, agus ann am bailtibh Iudah, siubhlaidh na treudan a rìs fo laimh an ti dh’ àirmheas [iad,] arsa Iehobhah. 14 ¶ Feuch tha na laithean a’ teachd deir, Iehobhah, anns an coilion mise an ni maith sin a gheall mi do thigh Israeil, agus do thigh Iudah. 15 Anns na laithibh sin, agus anns an am sin, bheir mise air Meanglan fireantachd fàs a suas [TD 147] IEREMIAH. CAIB. XXXIV. do Dhaibhidh, agus ni e breitheanas agus ceartas anns an fhearann. 16 Anns ’na laithibh sin sàbhailear Iudah, agus gabhaidh Ierusalem comhnuidh ann an tearuinteachd: agus is e so esan ris an goirear IEHOBHAH AR FIREANTACHD. 17 Oir mar so deir Iehobhah, Cha bhi gu bràth a dh’ uireasbhuidh air Daibhidh duin’ a shuidheas air rì-chathair tighe Israeil. 18 Ni mò bhios na sagairt na Lebhithich gun duine ann am lathair-sa, a dh’iobradh thabhartas-loisgte, agus a losgadh thabhartas bìdh agus a dheanamh iobairt an comhnuidh. 19 Thainig focal an Tighearna fòs gu Ieremiah, ag radh, 20 Mar so deir Iehobhah, Ma dh’ fheudar leibh mo cho-cheangal-sa ris an là a bhristeadh, agus mo cho-cheangal ris an oidhche, is nach biodh ann là no oidhche na ’n am fein: 21 An sin fòs feudar mo cho-cheangal-sa ri Daibhidh m’ òglach a bhristeadh, gun mhac a bhi aige gu riaghladh air a rì-chathair, agus ris na Lebhithich na sagairt, mo luchd-frithealaidh. 22 Mar nach feud feachd neimh a bhi air àireamh, no gaineamh na fairge bhi air a tomhas: is amhluidh a ni mise lionmhor sliochd Dhaibhidh m’òglaich, agus na Lebhithich a ta fritheala’ dhomh. 23 Os barr thainig focal an Tighearna gu Ieremiah, ag radh, 24 Am bheil thu toirt fanear ciod a tha’n sluagh so a’ labhairt, ag radh, An dà theaghlach a roghnaich Iehobhah rinn e fòs an tilgeadh uaith? agus rinn iad di-meas air mo shluagh-sa, air chor as nach ’eil iad ’gam meas ni ’s mò mar chinneach. 25 Mar so deir Iehobhah, Mur ’eil mo cho-cheangal-sa ris an là agus ris an oidhche; reachdan neimh agus talmhainn [mur] do shocruich mi. 26 An sin tilgidh mi uam sliochd Iacoib, agus Dhaibhidh m’ òglaich, gun aon d’a shliochd a ghabhail, gu bhi ’nan luchd-riaghlaidh thar sliochd Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib: oir bheir mi air a h-ais am bruid, agus ni mi orra trocair. CAIB. XXXIV. AM focal a thainig gu Ieremiah o Iehobhah, (’nuair a chog Nebuchadnesar righ Bhabiloin, agus uile fheachd, agus uile rioghachdan an domhain a bha fo thighearnas, agus na slòigh uile, ’n aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh a h-uile bhailtean,) ag radh, 2 Mar so deir Iehobhah Dia Israeil, Imich, agus labhair ri Sedeciah righ Iudah, agus abair ris, Mar so deir Iehobhah, Feuch, bheir mis’ a’ chaithir so do laimh righ Bhabiloin, agus loisgidh esan i le teine. 3 Agus thusa cha d’ theid as o laimh, ach bithidh tu gu cinnteach air do ghlacadh, agus air do thoirt thairis d’a laimh, agus chi do shùilean sùilean righ Bhabiloin, agus labhraidh e riut beul ri beul, agus falbhaidh tu gu Babiloin. 4 Gidheadh cluinn focal Iehobhah, O Shedeciah, a righ Iudah; Mar so deir Iehobhah do d’ thaobh-sa, Cha’n fhaigh thu [TD 148] IEREMIAH. CAIB. XXXIV. bàs leis a’ chlaidheamh. 5 Gheibh thu bàs ann an sìth; agus do reir losgaidh d’ aithrichean na righrean roimhe so, a bha air thoiseach ortsa, is amhluidh a loisgear thusa; agus ni iad caoidh air do shon, [ag radh] Och a thighearna! oir labhair mise am focal, deir Iehobhah. 6 Agus labhair Ieremiah am fàidh na briathran so uile ri Sedeciah righ Iudah, ann an Ierusalem, 7 An uair a chog feachd righ Bhabiloin an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh uile bhailtean Iudah a bha air am fàgail, an aghaidh Lacheis, agus an aghaidh Asecah; oir mhair iad so do bhailtibh Iudah, ’nam bailtibh daighnichte, 8 ¶ Am focal a thainig gu Ieremiah o Iehobhah, an deigh do righ Sedeciah co-cheangal a dheanamh ris an uile shluagh, a bha ’n Ierusaleim, a dh’ eigheach saorsa dhoibh: 9 A chum gu leigeadh gach duine d’a òglach, is gach duine d’a bhan-oglaich, Eabhrach no ban-Eabhrach, falbh saor, gun neach a ghabhail seirbhis diubh, gach aon do Iudhach a bhrathair, 10 A nis an uair a chuala na h-uachdarain uile, ’s an sluagh uile a thionnsgain anns a’ chocheangal, gu leigeadh gach duine d’a òglach, is gach duine d’a bhan-oglaich falbh saor, nach gabhadh aon seirbhis diubh ni bu mhò, an sin thug iad geill, agus leig iad air falbh iad. 11 Ach thionndaidh iad a rìs, is thug iad air na h-òglaich is air na ban-oglaich, a’ leigeadh air falbh saor, pilleadh air an ais, agus thug iad so smachd iad, a chum bhi ’nan òglachaibh agus ’nam ban-oglachaibh. 12 Uime sin thainig focal an Tighearna gu Ieremiah o Iehobhah, ag radh, 13 Mar so deir Iehobhah Dia Israeil, Rinn mise co-cheangal ri ’r n-aithrichibh anns an là san d’ thug mi iad a mach a talamh na h-Eiphit, a tigh nan daor, ag radh, 14 An ceann sheachd bliadhna, leigibh a chead gach aon d’a bhrathair Eabhrach, a bha air a reic riut: an uair a bheir e seirbhis duit sea bliadhna, leigibh tn dha falbh uait saor. Ach cha d’ eisd ’ur n-aithrichean riumsa, ni mò chrom iad an cluas. 15 Agus bha sibh a nis an deigh pilleadh, agus deanamh gu ceart ann am shealladh-sa, le saors’ a ghlaodhach gach neach d’a choimhearsnach, agus rinn sibh co-cheangal ann am fhianuis anns an tigh a ta air a ghairm air m’ ainm. 16 Ach phill sibh agus thruaill sibh m’ainm, agus thug sibh, gach aon air òglach, is gach aon air a bhan-oglaich, a leig e saor uaith, gu thoil fein, pilleadh air an ais; is chuir sibh fo smachd iad, gu bhi dhuibh ’nan òglachaibh is ’nam ban-oglachaibh. 17 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah, Cha d’ eisd sibh riumsa ann an saors’ a ghlaodhach gach aon d’a bhrathair, is gach aon d’a choimhearsnach: feuch do’r taobhsa tha mis’ a glaodhach saorsa, deir Iehobhah, do ’n chlaidheamh, do ’n phlàigh, is do ’n ghort; agus bheir mi oirbh dol air ghluasad a chum uile rioghachdan an domhain. [TD 149] IEREMIAH. CAIB. XXXV. 18 Agus bheir mi mhuinntir a bhrist mo cho-cheangal, nach do choilion briathran a’ cho-cheangail a rinn iad ann am lathair-sa, ’nuair a ghearr iad an laogh ’na dhà chuid, agus a dh’ imich iad eadar a chodaichean, 19 Ceannardan Iudah, agus ceannardan Ierusaleim, agus na caillteanaich, agus na sagairt, agus uile shluagh an fhearainn, a dh’ imich eadar codaichean an laoigh, 20 Bheir mi eadhon iad sin do laimh an naimhdean agus do laimh na muinntir a ta ’g iarruidh an anama; agus bidh an cairbheannan mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichibh na talmhainn. 21 Agus Sedeciah righ Iudah, agus a phrionnsachan, bheir mise do laimh an naimhdean, agus do laimh na muinntir a ta ’g iarruidh an anama, eadhon do laimh feachda righ Bhabiloin ata air imeachd a suas uaibh. 22 Feuch, bheir mise an àithne, deir Iehobhah, agus bheir mi orra pilleadh air an ais do ’n chaithir so; agus cogaidh iad ’na h-aghaidh, agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine; agus bailtean Iudah ni mi ’nan làraich sgaoilte, gun aon gan àiteachadh. CAIB. XXXV. AM focal a thainig gu Ieremiah o Iehobhah ann an laithibh Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah, ag radh, 2 Imich gu tigh nan Rechabach agus labhair riu, agus thoir iad a chum teach an Tighearna, gu aon do na seomraichean, agus thoir dhoibh fion r’a òl. 3 An sin ghabh mi Iaasaniah mac Ieremiah, mhic Habasiniah, agus a bhraithrean, agus uile mhic, agus uile theaghlach nan Rechabach. 4 Agus thug mi iad gu tigh an Tighearna, gu seomar mhac Hanain mhic Igdaliah, òglaich Dhe, a bha ri taobh seomair nan uachdaran, a bha os cionn seomair Mhaaseiah mhic Shaluim, fir-gleidheidh an doruis. 5 Agus chuir mi fa chomhair mhac tighe nan Rechabach soireachan làn fiona agus copain; agus thuirt mi riu, Olaibh fion. 6 Ach thuirt iadsan, Cha’n òl sinne fion air bith: oir thug Ionadab mac Rechaib ar n-athair àithne dhuinn, ag radh, Na h-òlaibhse fion air bith, sibh fein no ’ur mic gu bràth. 7 Ni mò thogas sibh tigh, no chuireas sibh siol, no shuidhicheas sibh fion-lios, no bhios aon agaibh; ach fad ’ur n-uile laithean ni sibh comhnuidh ann am bùthaibh, a chum gu maireadh sibh moran laithean anns an fhearann am bheil sibh ’nur coigrich. 8 Agus thug sinn geill do ghuth Ionadaib mhic Rechaib ar n-athar, anns gach ni chuir e mar fhiachaibh oirn, gun fhion air bith òl fad ar n-uile laithean, sinn fein, ar mnài, ar mic, no ar nigheana; 9 No tighean a thogail duinn fein gu comhnuidh ghabhail annta: ni mò ta againn fion-lios, no machair, no siol. 10 Ach ghabh sinn comhnuidh ann am bùthaibh, is thug sinn geill, agus rinn sinn do reir gach ni dh’ àithn ar n-athair Ionadab dhuinn. 11 Ach tharladh, an uair a thainig Nebuchadnesar righ Bhabiloin a nios do ’n fhearann, gu [TD 150] IEREMIAH. CAIB. XXXVI. dubhairt sinn, Thigibh, agus rachamaid gu Ierusalem, air eagal feachd nan Caldeanach, agus air eagal feachd nan Sirianach: air an aobhar sin tha sinn a chomhnuidh ann an Ierusalem. 12 An sin thainig focal Iehobhah gu Ieremiah, ag radh, 13 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Imich agus abair ri fearaibh Iudah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Nach gabh sibh ri teagasg, a thoirt eisdeachd do m’ bhriathraibh-sa? deir Iehobhah. 14 Briathran Ionadaib mhic Rechaib, a dh’ àithn e d’ a mhacaibh gun fhion òl, tha air an coilionadh; oir gus an là an diugh cha’n òl iad fion sam bith, ach tha iad umhal do àithne an athar: gidheadh labhair mise ruibhse, ag eirigh gu moch, agus a’ labhairt, ach cha d’eisd sibh rium. 15 Chuir mi d’ur n-ionnsuidh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag eirigh gu moch is ’gan cur a mach, ag radh, Pillibh a nis gach aon o dhroch shlighe, agus leasuichibh ’ur deanadas, agus na rachaibh air lorg dhée eile gu seirbhis a thoirt doibh, agus gabhaibh comhnuidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus do’r n-aithrichibh: ach cha do chrom sibh ’ur cluas, ni mò thug sibh eisdeachd dhomh. 16 A chionn gu do choilion mic Ionadaib mhic Rechaib àithne an athar a dh’ àithn e dhoibh, ach nach d’ eisd an sluagh so riumsa: 17 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; Feuch, bheir mis’ air Iudah, ’s air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, an t-olc sin uile a labhair mi ’nan aghaidh: a chionn gu do labhair mi riu, ach nach d’eisd iad, agus gu do ghlaodh mi riu, ach nach do fhreagair iad. 18 Agus ri teaghlach nan Rechabach thubhairt Ieremiah; Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; A chionn gu d’thug sibhse geill do àithne Ionadaib ’ur n-athar, agus gu do choimhid sibh uile iartais, agus gu d’ rinn sibh a reir gach ni dh’àithn e dhuibh. 19 Uime sin mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Cha bhi Ionadab mac Rechaib gun duine aige gu seasamh ann am lathair-sa gu bràth. CAIB. XXXVI. AGUS tharladh ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah, gu d’thainig am focal so gu Ieremiah o Iehobhah, ag radh, 2 Gabh dhuit rola leabhair, agus scriobh ann na h-uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iudah, agus an aghaidh nan uile chinneach, o’n là san do labhair mi riut ann an laithibh Iosiah, eadhon gus an là an diugh. 3 Theagamh gu ’n eisd tigh Iudah an t-uile olc a th’ ann am aire-sa dheanamh orra; air chor as gu pill iad, gach aon o dhroch shlighe, ’s gu maith mise an aingeachd agus am peacadh. 4 An sin ghairm Ieremiah Baruch mac Neriah; agus scriobh Baruch o bheul Ieremiah uile bhriathran an Tighearna, a labhair e ris, air rola leabhair. 5 Agus dh’àithn Ieremiah do [TD 151] IEREMIAH. CAIB. XXXVI. Bharuch, ag radh, Tha mise druidte suas, cha’n urradh mi dol gu tigh an Tighearna: 6 Uime sin imich thusa agus leugh anns an rola, a scriobh thu o m’bheul-sa, briathran an Tighearna, ann an eisdeachd an t-sluaigh ann an tigh an Tighearna, air là an traisg: agus fòs leughaidh tu iad ann an eisdeachd uile Iudah a thig a mach as am bailtibh. 7 Theagamh gu taisbein iad an achuinge ann an lathair an Tighearna, ’s gu pill iad, gach aon o dhroch shlighe; oir is mor an fhearg is a’chorruich a labhair Iehobhah an aghaidh an t-sluaigh so. 8 Agus rinn Baruch mac Neriah do reir gach ni dh’àithn Ieremiah an fàidh dha, a’leughadh anns an leabhar bhriathran Iehobhah ann an tigh an Tighearna. 9 Agus tharladh ann an cuigeamh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah, anns an naoitheamh mios, gu d’ eigh iad trasg ann an lathair an Tighearna, an t-iomlan do’n t-sluagh a bha ann an Ierusaleim, agus an t-iomlan do ’n t-sluagh a thainig o bhailtibh Iudah gu Ierusalem. 10 An sin leugh Baruch anns an leabhar briathran Ieremiah ann an tigh an Tighearna, ann an seomar Ghemariah mhic Shaphain an scriobhuiche, anns a’chùirt uachdraich, ag dol a steach geataidh nuaidh tighe ’n Tighearna, ann an eisdeachd an t-sluaigh uile. 11 Agus chuala Michaiah mac Ghemariah mhic Shaphain uile bhriathran an Tighearna as an leabhar, 12 Agus chaidh e sios gu tigh an righ, gu seomar an scriobhuiche; agus feuch, bha na h-uachdarain uile ’nan suidhe an sin, Elisama an scriobhuiche, agus Delaiah mac Shemaiah, agus Elnatan mac Achboir, agus Gemariah mac Shaphain, agus Sedeciah mac Hananiah, agus na h-uaislean uile. 13 An sin chuir Michaiah an ceill doibh na h-uile bhriathran a chual’ e, ’nuair a leugh Baruch an leabhar ann an cluasaibh an t-sluaigh. 14 Agus chuir na h-uachdarain uile Iehudi mac Netaniah, mhic Shelemiah, mhic Chusi, gu Baruch, ag radh, Glac ann a d’ laimh an rola san do leugh thu ann an cluasaibh an t-sluaigh, agus thig. Agus ghabh Baruch an rola ’na laimh, agus thainig e d’an ionnsuidh. 15 Agus thuirt iad ris, suidh asios a nis, agus leugh e ’nar n-eisdeachd. Agus leugh Baruch ’nan eisdeachd. 16 A nis tharladh, an uair a chuala iad na h-uile bhriathran, gu d’ amhairc iad le geilt, gach aon air a cheile; agus thubhairt iad ri Baruch, Innsidh sinn gu deimhin do’n righ na briathran so air fad. 17 Agus dh’ fheoruich iad do Bharuch, ag radh, Innis duinn a nis cionnus a scriobh thu na briathran so uile o bheul? 18 Agus fhreagair Baruch iad, Labhair e rium le bheul na briathran so uile, agus scriobh mi iad le dubh ann an leabhar. 19 An sin thuirt na h-uachdarain ri Baruch, Falbh, agus folaich thu fein, thusa agus Ieremiah, agus na biodh fios aig aon neach c’àit am bi sibh. 20 Agus chaidh iad a steach a chum an righ do’n chùirt, ach [TD 152] IEREMIAH. CAIB. XXXVII. thaisg iad a suas an rola ann an seomar Elisamah an scriobhuiche; agus dh’innis iad na h-uile bhriathran ann an eisdeachd an righ. 21 An sin chuir an righ Iehudi a thoirt an rolaidh d’a ionnsuidh, agus thug e a seomar Elisamah an scriobhuich’ e, agus leugh Iehudi e ann an eisdeachd an righ, agus ann an eisdeachd nan uile uachdaran a sheas ri taobh an righ. 22 Agus bha an righ ’na shuidhe anns an tigh-gheamhraidh, anns an naoitheamh mios; agus bha teintein mu chomhair le eibhlibh teine. 23 Agus tharladh an uair a leugh Iehudi tri no ceathair do earrannaibh, gu do ghearr e leis an scein-phinn e, agus thilg e anns an teine bha air an teintein e, gus an robh an rola gu h-iomlan air a chaitheamh anns an teine bha air an teintein. 24 Ach cha do ghabh iad eagal, ni mo shrachd iad an trusgain, aon chuid an righ, no aon d’a sheirbhisich a chuala na briathran so uile. 25 Agus ge do rinn Elnatan, agus Delaiah, ’s Gemariah eadar-ghuidhe ris an righ, nach loisgeadh e an rola, gidheadh cha’n eisdeadh e riu. 26 Agus dh’àithn an righ do Ierahmeel mac Hameleich, agus do Sheraiah mac Asrieil, agus do Shelemiah mac Abdeeil, Baruch an scriobhuiche agus Ieremiah am fàidh a ghlacadh: ach dh’ fholaich an Tighearna iad. 27 An sin thainig focal an Tighearna gu Ieremiah, (an deigh do’n righ an rola ’s na briathran a scriobh Baruch o bheul Ieremiah, a losgadh,) ag radh, 28 Gabh chugad a rìs rola eile, agus scriobh ann na h-uile bhriathran ceudna bha sa’ cheud rola, a loisg Iehoiacim righ Iudah. 29 Agus their thu ri Iehoiacim righ Iudah, Mar so deir an Tighearna, Loisg thu’n rola so, ag radh, Com’ an do scriobh thu ann, ag radh, Thig righ Bhabiloin gu deimhin, agus sgriosaidh e ’m fearann so, agus gearraidh e gach duine ’s beathach a mach as? 30 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna do thaobh Iehoiacim righ Iudah, Cha bhi aige neach a shuidheas air rì-chathair Dhaibhidh, agus tilgear a chairbhinn a mach a chum an teas anns an latha, ’s a chum an reothaidh anns an oidhche. 31 Agus ni mise peanas air fein agus air a shliochd, agus air a sheirbhisich, airson an easaontais, agus bheir mi orra-san, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus air fearaibh Iudah, an t-uile olc a labhair mi ’nan aghaidh, ach nach d’eisd iad. 32 An sin ghabh Ieremiah rola eile, ’s thug e do Bharuch an sgriobhuich’ e, mac Neriah, a scriobh ann o bheul Ieremiah, uile bhriathran an leabhair a loisg Iehoiacim anns an teine; agus chuireadh osbarr riu moran do bhriathraibh eile cosmhuil riu sin. CAIB. XXXVII. AGUS rioghaich Sedeciah mac Iosiah ann an àite Choniah mhic Iehoiacim, a rinn Nebuchadnesar righ Bhabiloin ’na righ ann am fearann Iudah. [TD 153] IEREMIAH. CAIB. XXXVII. 2 Ach cha d’ eisd, aon chuid e fein no a sheirbhisich, no sluagh na tìre, ri briathraibh an Tighearna a labhair e leis an fhàidh Ieremiah. 3 Agus chuir an righ Sedeciah Iehucal mac Shelemiah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, a chum an fhàidh Ieremiah, ag radh, Guidh a nis ris an Tighearna ar Dia air ar son-ne. 4 A nis bha Ieremiah teachd a steach agus a’ dol a mach am measg an t-sluaigh, oir cha do chuir iad fathasd ann am priosun e. 5 Anns an am sin bha feachd Pharaoih air teachd a mach as an Eiphit; is ’nuair a chuala na Caldeanaich, a bha a’ teannachadh Ierusaleim mu’n cuairt, iomradh orra, dh’imich iad o Ierusalem. 6 An sin thainig focal an Tighearna chum an fhaidh Ieremiah, ag radh, 7 Mar so deir an Tighearna Dia Israeil, Mar so their sibh ri righ Iudah, a chuir sibh chugam-sa, do m’ iarruidh; Feuch, pillidh feachd Pharaoih, a thainig a mach gu’r coghnadh, do’n Eiphit, d’an tìr fein. 8 Agus thig na Caldeanaich a rìs, agus cogaidh iad an aghaidh na caithreach so, agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine. 9 Mar so deir an Tighearna, Na meallaibh sibh fein, ag radh, Gu deimhin imichidh na Caldeanaich uainn: oir cha’n imich iad. 10 Oir ge do bhuaileadh sibh uile fheachd nan Caldeanach ata cogadh ’nur n-aghaidh, is nach maireadh ’nam measg ach daoine leonta, gach aon na bhùth, dh’ eireadh iad sin fein asuas, agus loisgeadh iad a’ chaithir so le teine. 11 Agus tharladh an uair a dh’ imich sluagh nan Caldeanach air falbh o Ierusalem air eagal sluaigh Pharaoih, 12 Gu d’imich an sin Ieremiah a mach a Ierusalem, a chum dol gu fearann Bheniamin, a dh’fhaotainn cuibhrinn deth am measg a shluaigh. 13 Agus an uair a bha e ’n geata Bheniamin, bha ceannard an fhreiceadain an sin, d’am b’ainm Iriah, mac Shelemiah, mhic Hananiah; agus ghlac e Ieremiah am fàidh, ag radh, Tha thu dol thairis a chum nan Caldeanach. 14 An sin thuirt Ieremiah, Cha’n fhior sin, cha’n ’eil mi dol thairis a chum nan Caldeanach: ach cha d’eisd e ris: mar sin ghlac Iriah Ieremiah, ’s thug e chum nan uachdaran e. 15 Agus bha corruich air na h-uachdaranaibh ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am priosun e, ann an tigh Ionatain an sgriobhuiche; oir rinn iad priosun deth sin. 16 An uair a chaidh Ieremiah steach do’n phriosun iochdrach, agus do na slochdaibh, agus a bhuanaich Ieremiah an sin moran laithean: 17 An sin chuir Sedeciah an righ fios, agus thug e mach e; agus dh’ fheoruich an righ dheth gu h-uaigneach ’na thigh, agus thubhairt e, Am bheil focal sam bith o ’n Tighearna? Agus thuirt Ieremiah, Tha: oir thubhairt e, Do laimh righ Bhabiloin bheirear thairis thusa. 18 Os barr, thuirt Ieremiah [TD 154] IEREMIAH. CAIB. XXXVIII. ri righ Sedeciah, Ciod an cron a rinn mise an a d’ aghaidh-sa, no’n aghaidh do sheirbhiseach, no ’n aghaidh an t-sluaigh so, gu do chuir sibh mi ann am priosun? 19 C’àit am bheil a nis ’ur fàidhean a rinn fàisneachd dhuibh, ag radh, Cha d’thig righ Bhabiloin ’nur n-aghaidh, no ’n aghaidh an fhearainn so? 20 Ach eisd a nis, guidheam ort, a thighearna mo righ; gabhar m’ achuinge, guidheam ort, ann ad’ lathair; agus na toir orm pilleadh gu tigh Ionatain an sgriobhuiche, mu ’m faigh mi bàs an sin. 21 Agus dh’ àithn an righ Sedeciah gu cuireadh iad Ieremiah ann an cùirt a’ phriosuin, agus gu d’ thugadh iad dha gach latha cuibhrionn arain a sràid nam fuineadairean, gus am biodh uile aran na caithreach air teireachduinn. Agus dh’ fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phriosuin. CAIB. XXXVIII. AN sin chuala Sephatiah mac Mhatain, agus Gedaliah mac Phasuir, agus Iucal mac Shelemiah, agus Pasur mac Mhalchiah, na briathran a labhair Ieremiah ris an t-sluagh uile, ag radh. 2 Mar so deir Iehobhah, Esan a dh’ fhanas anns a’ chaithir so bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, is leis a’ phlàigh; ach esan a theid a mach a chum nan Caldeanach, mairidh e beo; oir gheibh e anam mar chobhartach, agus mairidh e beo. 3 Mar so deir an Tighearna, Bheirear gu deimhin a’ chaithir so suas do laimh feachda righ Bhabiloin, a ghlacas i. 4 Air an aobhar sin thuirt na h-uachdarain ris an righ, Biodh an duine so, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar so tha e lagachadh lamhan an luchd-cogaidh ata fathasd a lathair anns a’ chaithir so, agus lamhan an t-sluaigh uile, le bhi labhairt an leithide so do bhriathraibh riu: oir cha ’n eil an duine so ’g iarruidh leas an t-sluaigh so, ach an aimhleis. 5 An sin thuirt an righ Sedeciah, Feuch, tha e ’nur laimh: oir cha’n e’n righ esan a dh’ fheudas aon ni chur ’nur n-aghaidh. 6 An sin ghlac iad Ieremiah agus thilg iad e ann an slochd Mhalchiah mhic Hameleich a bha ann an cùirt a’ phriosuin; agus leig iad asios Ieremiah le cordaibh. Agus anns an t-slochd cha robh uisge sam bith, ach clàbar; agus chaidh Ieremiah fuidhe anns a’ chlàbar. 7 A nis an uair a chuala Ebed-melech an t-Etiopach, aon do na caillteanaich a bha ’n tigh an righ, gu do chuir iad Ieremiah san t-slochd, (agus an righ ’na shuidhe san am sin ann an geata Bheniamin,) 8 Chaidh Ebed-melech a mach a tigh an righ, agus labhair e ris an righ, ag radh. 9 Mo thighearn’ a righ, rinn na daoine so gu h-olc anns gach ni rinn iad ri Ieremiah am fàidh, a thilg iad anns an t-slochd; oir gheibh e bàs le h-acras anns an àite sin, an uair nach ’eil ni ’s mò aran sam bith anns a’ bhaile. [TD 155] IEREMIAH. CAIB. XXXVIII. 10 An sin dh’ àithn an righ do Ebed-melech an t-Etiopach, ag radh, Thoir leat as so deich fir fhichead, agus thoir anios Ieremiah am fàidh as an t-slochd, mu ’m faigh e bàs. 11 Agus thug Ebed-melech leis na daoine, ’s chaidh e steach do thigh an righ fo ’n tighthasgaidh, agus thug e as sin seana bhroineagan, agus seann luideagan, agus leig e sios iad gu Ieremiah do ’n t-slochd, le cordaibh. 12 Agus thuirt Ebed-melech an t-Etiopach ri Ieremiah, Cuir a nis na seann luideagan agus na broineagan so, fo d’ asgailtean, mu na cordaibh. Agus rinn Ieremiah mar sin. 13 Agus tharruing iad anios Ieremiah le cordaibh, is thug iad amach as an t-slochd e; agus dh’ fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phriosuin. 14 An sin chuir an righ Sedeciah fios, agus thug e Ieremiah am fàidh d’a ionnsuidh gus an treas dol-asteach a ta ’n tigh an Tighearna. Agus thuirt an righ ri Ieremiah, Feoruichidh mi ni àraidh dhiot; na ceil a’bheag orm. 15 Agus thuirt Ieremiah ri Sedeciah, Ma dh’ innseas mi dhuit, nach dean thu gu cinnteach mo chur gu bàs? agus ma bheir mi comhairle ort, an eisd thu rium? 16 An sin mhionnaich an righ Sedeciah do Ieremiah os ’n iosal, rg radh, Mar is beo Iehobhah a rinn dhuinn an t-anam so, cha chuir mi gu bàs thu, ni mò bheir mi thairis thu do laimh na muinntir sin a ta ’g iarruidh d’ anama. 17 Agus thuirt Ieremiah ri Sedeciah, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Ma theid thu gu deimhin thairis gu cinn-fheadhna righ Bhabiloin, an sin mairidh d’ anam beo, ’s cha loisgear a’ chaithir so le teine; ach mairidh tu beo, thu fein agus do theaghlach. 18 Ach mur d’ theid thu mach gu cinn-fheadhna righ Bhabiloin, an sin bheirear a’ chaithir so do laimh nan Caldeanach, agus loisgidh iad i le teine, ’s cha d’ theid thusa thu fein as o ’n lamhan. 19 Agus thuirt an righ Sedeciah ri Ieremiah, Tha eagal nan Iudhach orm, a theich a chum nan Caldeanach, mu’n d’ thoir iad thairis mi d’ an lamhan, is gu dean iad fanaid orm. 20 Ach thuirt Ieremiah, Cha d’ thoir iad thairis [thu,] thoir geill, guidheam ort, do ghuth an Tighearna, san ni ta mis’a’labhairt riut: mar sin eiridh gu maith dhuit, agus mairidh d’ anam beo. 21 Ach ma dhiultas tu dol a mach, so an ni a thaisbein an Tighearna dhomhsa: 22 Eadhon, Feuch, na h-uile mhnathan a ta air am fàgail ann an tigh righ Iudah, bheirear a mach gu cinn-fheadhna righ Bhabiloin, agus their iad, Bhrosnuich do chairdean thu, agus thug iad buaidh ort: chuir iad do chasan an sàs anns an làthaich, agus phill iad air an ais. 23 Agus bheir iad amach d’uile mhnathan, agus do chlann a chum nan Caldeanach, agus cha d’ theid thu fein as o’n lamhan, ach glacar thu le laimh righ Bhabiloin, agus bidh tu [TD 156] IEREMIAH. CAIB. XXXIX. coireach anns a’ chaithir so bhi air a losgadh le teine. 24 An sin thuirt Sedeciah ri Ieremiah, Na biodh fios aig duine sam bith air na briathran so, agus cha’n fhaigh thu bàs. 25 Ach ma chluinneas na h-uachdarain gu do labhair mise riut, is gu d’ thig iad do d’ ionnsuidh, agus gu’n abair iad riut, Innis duinn a nis ciod a thuirt thu ris an righ, na ceil e oirne, ’s cha chuir sinn gu bàs thu; mar an ceudna ciod a thuirt an righ riutsa: 26 An sin their thu riu, Sgaoil mi m’ achuinge ann an lathair an righ, nach tugadh e orm pilleadh gu tigh Ionatain, a dh’ fhaotainn bàis an sin. 27 Agus thainig na h-uachdarain uile gu Ieremiah, agus dh’ fhiosruich iad dheth, agus dh’ innis e dhoibh do reir nan uile briathran so a dh’ àithn an righ dha: mar sin sguir iad do labhairt ris, oir cha do mhothaicheadh a’ chùis. 28 Is amhuil a dh’ fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phriosuin, gus an là san do ghlacadh Ierusalem; agus bha e [’n sin] an uair a ghlacadh Ierusalem. CAIB. XXXIX. ANN an naoitheamh bliadhna Shedeciah righ Iudah, anns an deicheamh mios, thainig Nebuchadnesar righ Bhabiloin, agus uile fheachd an aghaidh Ierusaleim, agus champaich iad m’a timchioll. 2 Ann an aon bhliadhna deug Shedeciah, anns a’ cheathramh mios, air an naoitheamh là do’n mhios bha a’ chaithir air a bristeadh a suas. 3 Agus thainig uile chinn-fheadhna righ Bhabiloin a steach, agus shuidhich iad iad fein anns a’ gheata sa’ mheadhon; Nergal-sarecer, Samgar-nebo, Sarsechim, Rabsaris, Nergal-sareser, Rabmag, leis a’ chuid eile air fad do cheanna-feadhna righ Bhabiloin. 4 Agus tharladh an tra chunnaic Sedeciah righ Iudah iad, agus na fir-chogaidh uile, gu do theich iad, agus gu deachaidh iad amach as a’ chaithir anns an oidhche, air slighe gàrraidh an righ, trìd a gheataidh eadar an dà bhalla; agus chaidh iad a mach air slighe a’ chomhnaird. 5 Ach lean feachd nan Caldeanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an comhnardaibh Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar righ Bhabiloin, aig Riblah ann am fearann Hamait, far an d’thug e breth air. 6 An sin mharbh righ Bhabiloin mic Shedeciah ann an Riblah fa chomhair a shùl: uile mhaithean Iudah mar an ceudna mharbh righ Bhabiloin. 7 Agus chuir e mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhruidhean e, a chum a thoirt gu Babilon. 8 Agus loisg na Caldeanaich tigh an righ, agus tighean an t-sluaigh le teine, agus bhrist iad a sios ballachan Ierusaleim. 9 An sin thug Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain leis ’nam braighdean gu Babilon am fuighleach sluaigh a dh’fhan anns a’ chaithir, agus iadsan a theich thairis d’a ionnsuidh, leis a’ chuid [TD 157] IEREMIAH. CAIB. XL. eile do’n t-sluagh a bha mairionn. 10 Ach cuid do bhochdaibh an t-sluaigh, aig nach robh ni sam bith, dh’ fhàg Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain ann am fearann Iudah, agus thug e dhoibh fion-liosan agus machraichean anns an am cheudna. 11 Agus thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin earail mu thimchioll Ieremiah do Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain, ag radh, 12 Thoir leat e, agus thoir aire mhaith dha, ’s na dean cron sam bith air, ach dean ris amhuil mar a their e riut. 13 Mar sin chuir Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain fios, agus Nebusasban, Rabsaris, agus Nergal-sareser, Rabmag, is uile chinn-fheadhna righ Bhabiloin: 14 Chuir eadhon iadsan fios, agus thug iad Ieremiah mach a cùirt a’ phriosuin, agus thug iad e do Ghedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, gu thoirt dhathigh: mar sin ghabh e comhnuidh ann am measg an t-sluaigh. 15 ¶ Agus thainig focal Iehobhah chum Ieremiah, ’nuair a bha e fathasd air a dhruideadh a suas ann an cùirt a’ phriosuin, ag radh, 16 Imich agus labhair ri Ebed-melech an t-Etiopach, ag radh, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chaithir so air son uilc, is cha’n ann air son maith; agus thig iad gu crìch ann a d’ fhianuis-sa anns an là sin. 17 Ach tearnadh mi thusa san là sin, deir Iehobhah, ’s cha toirear a suas thu do laimh na muinntir roimh am bheil eagal ort. 18 Oir ni mise gu cinnteach do thearnadh, is cha tuit thu leis a’ chlaidheamh, ach bidh d’anam mar chobhartach dhuit a chionn gu do chuir thu do dhochas annam-sa, deir Iehobhah. CAIB. XL. AM focal a thainig a chum Ieremiah o Iehobhah, an deigh do Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain leigeadh dha imeachd o Ramah, anuair a thugadh e d’a ionnsuidh, agus e ceangailte le slabhruidhean am measg na muinntir sin uile a thugadh air falbh ’nam braighdean o Ierusalem agus o Iudah, a thugadh ann an braighdeanus gu Babilon. 2 Agus ghabh ceannard an fhreiceadain Ieremiah, agus thuirt e ris, An Tighearna do Dhia-sa labhair an t-olc so ’n aghaidh an àite so. 3 A nis thug an Tighearna gu crìch e, agus rinn e mar a labhair e: a chionn gu do pheacaich sibh ann an aghaidh an Tighearna, ’s nach d’thug sibh geill d’a ghuth, air an aobhar sin tha’n t-olc so air teachd oirbh. 4 Agus a nis feuch, tha mise ga d’fhuasgladh-sa an diugh o na slabhruidhean a bha air do lamhan: ma chi thu ceart teachd leamsa gu Babilon, thig; agus bheir mi aire mhaith dhuit: ach mur faic thu ceart teachd leamsa gu Babilon, fan: feuch, tha am fearann gu h-iomlan fa d’chomhair: far am faicear ceart agus iomchuidh dhuit dol, theirig [TD 158] IEREMIAH. CAIB. XL. ann; agus ciod air bith tuille, cha chumar air ais e. 5 Falbh uime sin air d’ ais gu Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, a rinn righ Bhabiloin ’na uachdaran os cionn bhailtean Iudah, agus gabh comhnuidh leis, am measg an t-sluaigh: no falbh c’àit air bith am faic thu iomchuidh dol. Mar sin thug ceannard an fhreiceadain biadh agus duais da, agus leig e dha imeachd. 6 An sin chaidh Ieremiah gu Gedaliah mac Ahicaim gu Mispah, agus ghabh e comhnuidh leis, am measg an t-sluaigh a dh’ fhàgadh anns an fhearann. 7 A nis an uair a chuala uile cheannardan an fheachd a bha ’s na machraichibh, iad fein agus an daoine, gu d’ rinn righ Bhabiloin Gedaliah mac Ahicaim ’na uachdaran anns an fhearann, agus gu d’earb e ris fir, agus mnathan, agus clann, eadhon cuid do bhochdaibh an fhearainn, dhiubh-san nach d’thugadh air falbh ann am bruid gu Babilon; 8 An sin thainig iad gu Gedaliah gu Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan agus Ionatan, mic Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit, agus mic Ephai an Netophach, agus Iesaniah mac Maachatich, iad fein agus an daoine. 9 Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhoibhsin, agus do’n daoine, ag radh, Na biodh eagal oirbh seirbhis a thoirt do na Caldeanaich: gabhaibh comhnuidh anns an tìr, agus thugaibh seirbhis do righ Bhabiloin, agus eiridh gu maith dhuibh. 10 Air mò shon-sa, feuch, ni mi comhnuidh ann am Mispah, a fhrithealadh do na Caldeanaich a thig d’ar n-ionnsuidh; ach sibhse, tionailibh fion, agus measa samhraidh, agus ola, agus cuiribh iad ’nur soithichibh, agus deanaibh comhnuidh ’nur bailtibh air an d’rinn sibh greim. 11 Air an doigh cheudna ’nuair a chuala na h-uile Iudhaich a bha ann am Moab, agus am measg nan Amonach, agus ann an Edom, agus a bha anns na h-uile dhùchannaibh, gu d’fhàg righ Bhabiloin fuigheall do Iudah, ’s gu do chuir e os an cionn Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain; 12 An sin phill na h-uile Iudhaich as na h-uile àite gus an robh iad air am fògradh, agus thainig iad gu tìr Iudah, gu Gedaliah do Mhispah, agus thionail iad fion agus measa samhraidh, gu rophailt. 13 A thuille air so thainig Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha ’s na machraichibh, gu Gedaliah do Mhispah; 14 Agus thuirt iad ris, Am bheil fios agad gu beachdaidh gu do chuir Baalis righ nan Amonach Ismael mac Netaniah chum do mharbhadh? Ach cha do chreid Gedaliah mac Ahicaim iad. 15 An sin labhair Iohanan mac Chareah ri Gedaliah ann am Mispah gu h-uaigneach, ag radh, Leig dhomhsa dol, guidheam ort, agus marbhaidh mi Ismael mac Netaniah, agus cha bhi fios aig duine sam bith air: com’ am marbhadh e thusa, ’s gu biodh na h-uile Iudhaich a ta air an cruinneachadh do d’ ionnsuidh air an [TD 159] IEREMIAH. CAIB. XLI. sgapadh, is gu bàsaichidh na tha mairionn do Iudah? 16 Ach thuirt Gedaliah mac Ahicaim ri Iohanan mac Chareah, Cha dean thu an ni so, oir is breug a tha thu labhairt do thaobh Ismael. CAIB. XLI. ANIS tharladh air an t-seachdamh mios, gu d’ thainig Ismael mac Netaniah mhic Elisama, do ’n t-siol rioghail, agus maithean an righ, eadhon deach fir, maille ris, gu Gedaliah mac Ahicaim do Mhispah, agus an sin dh’ith iad aran le cheile ann am Mispah. 2 An sin dh’ eirich Ismael mac Netaniah, agus na deich fir a bha maille ris, agus bhuail iad Gedaliah, mac Ahicaim, mhic Shaphain, leis a’ chlaidheamh, agus mharbh iad e, esan a chuir righ Bhabiloin ’na uachdaran os cionn an fhearainn. 3 Mharbh Ismael mar an ceudna na h-Iudhaich uile bha maille ris, maille ri Gedaliah ann am Mispah, agus na Caldeanaich a fhuaradh an sin, na fir-chogaidh. 4 Agus tharladh air an dara là, an deigh dha Gedaliah a mharbhadh, is gun fhios aig duine sam bith air; 5 Gu d’thainig daoine àraid o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceathair fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an eudaichean air an srachdadh, agus iad fein gearrta, le tabhartasaibh agus tùis ’nan làimh, gu ’n toirt gu tigh an Tighearna. 6 Agus chaidh Ismael mac Netaniah mach o Mhispah ’nan codhail, a’ gul fad na slighe: agus tharladh an uair a choinnich e iad, gu d’thubhairt e riu, Thigibh gu Gedaliah mac Ahicaim. 7 Agus tharladh an uair a thainig iad gu meadhon a’ bhaile, gu do mharbh Ismael mac Netaniah iad, [agus thilg e iad] ann am meadhon an t-sluichd, e fein is na daoine bha leis. 8 Ach fhuaradh ’nam measg deichnear fhear a thubhairt ri Ismael, Na marbh sinne: oir tha ionnasan againn anns a’mhachair, do chruineachd, agus do eorna, agus do ola, agus do mhil. Mar sin sguir e, ’s cha do mharbh e iad am measg am braithrean. 9 A nis b’ e ’n slochd anns an do thilg Ismael uile chorpa marbha nan daoine a mharbh e air son Ghedaliah, e sin a rinn Asa an righ air eagal Bhaasa righ Israeil; lion Ismael mac Netaniah e leo-san a mharbhadh. 10 An sin thug Ismael leis ann am bruid na h-uile bha lathair do ’n t-sluagh, a bh’ ann am Mispah, a thug Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain do Ghedaliah mac Ahicaim, eadhon Ismael mac Netaniah thug leis ann am bruid iad, agus dh’imich e gu dol thairis a chum nan Amonach. 11 Ach ’nuair a chuala Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, a bha maille ris, an t-uile olc a rinn Ismael mac Netaniah, 12 An sin thug iad leo na daoine’ air fad, agus chaidh iad a chogadh ri Ismael mac Netaniah, agus fhuair iad e aig na h-uisgeachaibh mora ta ’n Gibeon. 13 A nis tharladh, an uair a chunnaic an sluagh sin uile bha le [TD 160] IEREMIAH. CAIB. XLII. Ismael Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, gu robh iad an sin aoibhneach. 14 Agus thionndaidh an sluagh uile, a thug Ismael air falbh ann am bruid o Mhispah, mu’n cuairt, agus phill iad, agus chaidh iad gu Iohanan mac Chareah. 15 Ach chaidh Ismael mac Netaniah as o Iohanan le ochdnar fhear, agus chaidh e chum nan Amonach. 16 An sin ghabh Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha leis, uile iarmad an t-sluaigh a bhuin e o Ismael mac Netaniah, o Mhispah, (an deigh dha Gedaliah mac Ahicaim a mharbhadh,) gaisgich, fir-chogaidh, agus mnathan, agus clann, agus caillteanaich, a thug e air an ais o Ghibeon. 17 Agus dh’ imich iad, agus ghabh iad comhnuidh ann an aitreabh Chimhaim, a ta laimh ri Betlehem, a chum falbh gu dol asteach do ’n Eiphit, a fianuis nan Caldeanach: 18 Oir bha eagal orra rompa, a chionn gu do mharbh Ismael mac Netaniah Gedaliah mac Ahicaim, a rinn righ Bhabiloin ’na uachdaran anns an fhearann. CAIB. XLII. AN sin thainig am fagus uile cheannardan an fheachd, agus Iohanan mac Chareah, agus Iesaniah mac Hosaiah, agus an sluagh gu h-iomlan, o’n bheag gus a’ mhor; 2 Agus thubhairt iad ri Ieremiah am fàidh, Biodh ar n-achuinge, guidheamaid ort, taitneach ann a d’ lathair, is dean urnaigh air ar son ris an Tighearna do Dhia, eadhon airson an iarmaid so uile, (oir cha d’ fhàgadh dhinn ach beagan do mhoran, mar a tha do shùilean ’gar facinn,) 3 Gu seoladh an Tighearna do Dhia dhuinn an t-slighe anns an gluais sinn, agus an ni a tha sinn ri dheanamh. 4 Agus thuirt Ieremiah am fàidh riu, Chuala mi; feuch, ni mise urnaigh ris an Tighearna bhur Dia, do reir ’ur briathran; agus tarlaidh, ge b’e air bith freagradh a bheir an Tighearna dhuibh, gu ’n innis mise dhuibh e: cha chum mi ni sam bith air ais uaibh. 5 Agus thubhairt iad ri Ieremiah, Biodh Iehobhah ’na fhianuis fhior agus dhìleas eadaruinn, mur dean sinne do reir gach ni airson an cuir an Tighearna do Dhia d’ar n-ionnsuidh thu. 6 Ma ’s maith no ma ’s olc e, bheir sinn geill do ghuth an Tighearna ar Dia, gus am bheil sinn ga d’ chur; a chum as gun eireadh gu maith dhuinn anuair a bhios sinn umhal do ghuth an Tighearna ar Dia. 7 Agus tharladh an ceann dheich làithean, gu d’thainig guth an Tighearna gu Ieremiah. 8 An sin ghairm e Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, agus an sluagh uile, o’n bheag gus a’ mhor, 9 Agus thuirt e riu, Mar so deir Iehobhah Dia Israeil, gus an do chuir sibh mise chum ’ur [TD 161] IEREMIAH. CAIB. XLII. n-achuinge a sgaoileadh ’na lathair; 10 Ma dh’ fhanas sibh an comhnuidh anns an tìr so, an sin togaidh mise sibh, agus cha tilg mi sios; agus suidhichidh mi sibh, is cha spion mi nios: oir is aithreach leam an t-olc a rinn mi oirbh. 11 Na biodh eagal oirbh roi’ righ Bhabiloin, roimh am bheil eagal agaibh: na biodh eagal oirbh roimhe, arsa Iehobhah; oir tha mise leibh, gu’r tearnadh, agus gu’r saoradh as a laimh. 12 Agus nochdaidh mi trocairean duibh, agus gabhaidh esan truas dibh, agus suidhichidh e sibh ’nur dùthaich fein. 13 Ach ma their sibh, Cha ghabh sinn comhnuidh anns an fhearann so; air chor as nach toir sibh geill do ghuth an Tighearna bhur Dia, 14 Ag radh, Ni h-eadh; ach theid sinn do thìr na-hEiphit, far nach faic sinn cogadh sam bith, ni mò chluinneas sinn fuaim na trompaide, no bhios oirn easbhuidh arain; agus an sin gabhaidh sinn comhnuidh: 15 Seadh a nis uime sin eisdibh focal an Tighearna, O iarmaid Iudah, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Ma chuireas sibh gu h-iomlan ’ur n-aghaidh ri dol do ’n Eiphit, agus gu d’ theid sibh an sin air chuairt; 16 An sin tarlaidh, gu dean an claidheamh, roimh am bheil eagal oirbh, ’ur glacadh an sin ann an tìr na h-Eiphit; agus a’ ghort, roimh am bheil eagal oirbh, dlù-leanaidh air ’ur tòir an sin anns an Eiphit; agus an sin gheibh sibh bàs. 17 Is amhluidh a thachras do na h-uile dhaoine chuireas an aghaidh ri dol do’n Eiphit gu fantuin air chuairt an sin; bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a ghort, is leis a phlàigh: agus cha bhi aon a mhaireas, no theid as o’n olc a bheir mis’ orra. 18 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Mar a bha m’ fhearg is mo chorruich air a dòrtadh amach air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, is amhluidh bhios mo chorruich air a dòrtadh a mach oirbhse ’n tra theid sibh asteach do ’n Eiphit: agus bithidh sibh mar mhallachadh, agus mar uabhas, agus mar mhallachd, agus mar mhasladh; agus cha’n fhaic sibh an t-àite so ni ’s mò. 19 Is e focal an Tighearna do ’r taobh-sa, O fhuigheall Iudah, Na rachaibh do ’n Eiphit: biodh fios cinnteach agaibh gu d’ thug mise rabhadh dhuibh an diugh. 20 Gu deimhin chuir sibh an gniomh cealg an aghaidh ’ur n-anama fein: oir chuir sibh mise chum an Tigherna bhur Dia, ag radh, Guidh air arson-ne ris an Tighearna ar Dia, agus do reir gach ni a their an Tighearna, ar Dia, mar sin innis duinn, agus ni sinne. 21 Agus dh’innis mise dhuibh air an là an diugh, ach cha d’eisd sibhse guth an Tighearna bhur Dia, no aon ni air son an do chuir e mise do’r n-ionnsuidh. 22 Air an aobhar sin biodh dearbh-fhios agaibh, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh gu bàsaich sibh, anns an àite gus an àill leibh siubhal gu fantuinn air chuairt. [TD 162] IEREMIAH. CAIB. XLIII. XLIV. CAIB. XLIII. AGUS tharladh, tra sguir Ieremiah do labhairt ris an iomlan do’n t-sluagh uile bhriathran an Tighearna an Dia, air son an do chuir an Tighearna an Dia esan d’an ionnsuidh, [eadhon] nan uile bhriathra so; 2 Gu do labhair Asariah mac Hosaiah, agus Iohanan mac Chareah, ’s na daoine uaibhreach uile, ag radh ri Ieremiah, Is breug a tha thu labhairt: cha do chuir an Tighearna ar Dia thu gu radh, Na rachaibh do’n Eiphit a dh’ fhantuinn air chuairt an sin. 3 Ach tha Baruch mac Neriah ’ga d’ bhrosnuchadh ’nar n-aghaidh, a chum ar toirt suas do laimh nan Caldeanach, a chum ar marbhadh, no ar toirt air falbh ’nar braighdean gu Babilon. 4 Mar so cha d’ thug Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, agus an sluagh uile, geill do ghuth an Tighearna, gu comhnuidh ghabhail ann an tìr Iudah. 5 Ach ghabh Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, a mheud as a bha lathair do Iudah, a phill o na h-uile chinnich gus an robh iad air am fògradh, gu comhnuidh ghabhail ann an tìr Iudah; 6 Na fir, agus na mnathan, agus a’ chlann, agus nigheanan an righ, agus gach neach a dh’ fhàg Nebusaradan ceannard an fhreiceadain le Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain, agus Ieremiah am fàidh, agus Baruch mac Neriah; 7 Agus dh’imich iad gu tìr na h-Eiphit; oir cha d’thug iad geill do ghuth an Tighearna; agus thainig iad eadhon gu Tahpanes. 8 An sin thainig focal an Tighearna gu Ieremiah ann an Tahpanes, ag radh, 9 Gabh ann a d’ laimh clachan mora, agus falaich iad anns a’ chrè ann an àth nan clacha-creadha, a ta aig dol a steach tighe Pharaoih, ann an Tahpanes, ann an sealladh fheara Iudhah. 10 Agus abair riu, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; Feuch, cuiridh mise fios agus gabhaidh mi Nebuchadnesar righ Bhabiloin mo sheirbhiseach, agus suidhichidh mi a chathair air na clachaibh so a dh’ fholaich mi, agus sgaoilidh e a phailiun rioghail tharta. 11 Agus thig e agus buailidh e tìr na h-Eiphit, iadsan a ta chum bàis, le bàs; agus iadsan a ta chum daorsa, le daorsa; agus iadsan ata chum a’ chlaidheimh, leis a’ chlaidheamh. 12 Agus fadaidh mise teine ann an tighibh dhée na h-Eiphit; agus loisgidh esan iad, agus bheir e air falbh ’nam braighdean iad, agus éididh e e fein le tìr na h-Eiphit, mar a dh’ éideas buachaill e fein le thrusgan; agus theid e mach as sin ann an sìth. 13 Bristidh e fòs dealbhan tighe na Gréine a ta’n tir na h-Eiphit, agus tighean dée na h-Eiphit loisgidh e le teine. CAIB. XLIV. AM focal a thainig gu Ieremiah mu thimchioll nan uile Iudhach a ta chomhunidh ann am fearann na h-Eiphit, a ta chomhnuidh aig Migdol, agus [TD 163] IEREMIAH. CAIB. XLIV. aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag radh; 2 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Chunnaic sibh an t-uile olc a thug mise air Ierusalem agus air uile bhailtibh Iudah; oir feuch, an diugh tha iad ’nam fàs-làraich, is cha’n ’eil neach ’gan àiteachadh, 3 Airson an aingeachd a chuir iad an gniomh a chum mis’ a bhrosnuchadh gu feirg, le iad a dhol a losgadh tùise gu seirbhis a thoirt do dhéibh eile nach b’aithne dhoibh; dhoibhsin, dhuibhse, no do’r n-aithrichibh. 4 Chuir mi mar an ceudna do’r n-ionnsuidh-sa m’ uile sheirbhisich na fàidhean, ag eirigh gu moch is ’gan cur a mach, ag radh, Na deanuibh, guidheam oirbh, an ni gràineil so a’s fuathach leamsa. 5 Ach cha d’éisd iad, ni mò thionndaidh iad an cluas gu pilleadh o’n aingeachd, agus gun tùis a losgadh do dhéibh eile. 6 Uime sin bha m’ fhearg is mo chorruich air a taomadh a mach, agus air lasadh ann am bailtibh Iudah, agus ann an sràidibh Ierusaleim, agus tha iad ’nam fàsaich agus ’nan làraich sgaoilte, mar air an là an diugh. 7 Agus a nis mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; Com’ am bheil sibh a’ cur an gniomh an uilc mhoir so’n aghaidh ’ur n-anama fein, a ghearradh as uaibh an fhir agus na mnà, an leinibh agus an naoidhein, amach a Iudah; a chum nach fàgta fuigheall beo dhibh? 8 A chionn gu bheil sibh ga m’ bhrosnuchadh-sa gu corruich le oibribh ’ur lamh, a’ losgadh tùise do dhéibh coimheach ann an tìr na h-Eiphit gus am bheil sibh air dol a ghabhail comhnuidh; a chum gu biodh sibh air ’ur gearradh as, agus gu biodh sibh ’nur mallachadh agus ’nur masladh am measg uile chinneacha na talmhainn. 9 An do dhi-chuimhnich sibh aingeachd ’ur n-aithrichean, agus aingeachd righrean Iudah, agus aingeachd a mhaithean, agus ’ur n-aingeachd fein, agus aingeachd ’ur ban, a chuir iad an gniomh ann am fearann Iudah, agus ann an sràidibh Ierusaleim? 10 Cha’n ’eil iad air an irisleachadh gus an là an diugh, ni mò ghabh iad eagal, no ghluais iad ann am lagh-sa, no ann am reachdaibh, a chuir mi roimhibhse, agus roimh ’ur n-aithrichean. 11 Uime sin mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, cuiridh mise mo ghnùis ’nur n-aghaidh a chum uilc, eadhon a chum Iudah uile a ghearradh air falbh. 12 Agus gabhaidh mi fuigheall Iudah, a chuir an aghaidh ri dol do thìr na h-Eiphit gu fantuinn air chuairt an sin, agus caithear iad uile ann an tìr na h-Eiphit; tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, caithear iad leis a’ ghort; o’n bheag gus a’ mhor, leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort bàsaichidh iad; agus bidh iad ’nam mallachadh, agus ’nan uabhas, agus ’nam mallachd, agus ’nam masladh. 13 Agus smachdaichidh mi iadsan a ta chomhnuidh ann an tìr na h-Eiphit, mar a smachdaich mi Ierusalem, leis a’ chlaidheamh, leis a ghort, is leis a’ phlàigh. 14 Agus do fhuigheall Iudah, [TD 164] IEREMIAH. CAIB. XLIV. a ta air teachd air chuairt do’n Eiphit, cha bhi neach a theid as no mhaireas beo, gu pilleadh do thìr Iudah, gus am bheil iad an geall air pilleadh a ghabhail comhnuidh; seadh, cha phill ach ro-bheagan a theid as. 15 An sin na h-uile dhaoine aig an robh fios gu do loisg am mnathan tùis do dhéibh eile, ’s na h-uile mhnathan a sheas dlù, sluagh mor, eadhon an t-uile shluagh a bha chomhnuidh ann an tìr na h-Eiphit, ann am Patros, fhreagair Ieremiah, ag radh, 16 Do thaobh an fhocail a labhair thu ruinn ann an ainm an Tighearna, cha’n eisd sinn riut. 17 Ach ni sinn gu deimhin gach uile ni thig a mach as ar beul fein, a losgadh tùise do bhan-righinn neimhe, ’s a thaomadh a mach thabhartasa-dibhe dh’i; amhuil a rinn sinn, sinn fein agus ar n-aithrichean, ar righrean agus ar n-uaislean, ann am bailtibh Iudah, agus ann an sràidibh Ierusaleim: oir an sin bha pailteas bidh againn, is shoirbhich leinn, is cha’n fhacadh sinn olc air bith. 18 Ach o’n am an do sguir sinn do losgadh tùise bo bhan-righinn neimhe, ’s do thaomadh a mach thabhartasa-dibhe dh’i, bha easbhuidh nan uile nithe oirn, is bha sinn air ar caitheamh leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort. 9 Agus an uair a loisg sinn tùis do bhan-righinn neimhe, ’s a dhòirt sinn a mach tabhartasadibhe dh’i, an d’rinn sinn breacagan dh’i d’a h-aoradh, agus a dhòrtadh thabhartasa-dibhe dh’i, as eugmhais ar fear? 20 An sin labhair Ieremiah ris an uile shluagh, ris na fearaibh is ris na mnaibh, is ris an uile shluagh a thug dha freagra, ag radh, 21 An tùis a loisg sibh ann am bailtibh Iudah, agus ann an sraidibh Ierusaleim, sibh fein agus ’ur n-aithrichean, ’ur righrean agus ’ur n-uachdarain, agus sluagh an fhearainn, nach do chuimhnich an Tighearna iad, agus nach d’ thainig iad ’na aire? 22 Air chor as nach feudadh an Tighearna giulan leibh ni b’ fhaide airson aingeachd ’ur deanadais; airson nan gràinealachdan a chuir sibh an gniomh: air an aobhar sin tha ’ur fearann ’na fhàsaich, agus ’na uabhas, agus ’na mhallachd, gun aon fhear-àiteachaidh, mar air an là an diugh. 23 A chionn gu do loisg sibh tùis, is a chionn gu do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, ’s nach d’thug sibh geill do ghuth Iehobhah, ni mò ghluais sibh ’na lagh, no ’na reachdaibh, no ’na aitheantaibh: air an aobhar sin tha ’n t-olc so air teachd oirbh, mar air an là an diugh. 24 Os barr, thuirt Ieremiah ris an t-sluagh uile, ’s ris na mnaibh uile, Eisdibh focal an Tighearna, uile Iudah a ta ’n tìr na h-Eiphit. 25 Mar so labhair Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag radh, Labhair sibh fein agus ’ur mnathan le’r beoil, is chriochnaich sibh le’r lamhan, ag radh, Coilionaidh sinn gu deimhin ar bòidean a thug sinn, gu tùis a losgadh do bhain-righinn neimhe, ’s tabhartasa-dibhe dhòrtadh a mach dh’i: ni sibh gu deimhin [TD 165] IEREMIAH. CAIB. XLV. XLVI. ’ur bòidean a dhaighneachadh, is ni sibh gu deimhin ’ur bòidean a choilionadh. 26 Uime sin eisdibhse focal an Tighearna, uile Iudah ta chomhnuidh ann an tìr na h-Eiphit; Feuch, mhionnuich mise air m’ainm mor, deir Iehobhah, nach bi m’ ainm ni ’s mò air ainmeachadh ann am beul duin’ air bith do Iudah, an ann uile thìr na h-Eiphit, ag radh, Mar is beo an Tighearna Dia. 27 Feuch, ni mise faire os an cionn air son uilc, is cha’n ann air son maith, agus sgriosar gach duine do Iudah a ta ’n tìr na h-Eiphit leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, gus am bi làn-chrioch orra. 28 Agus iadsan a theid as o’n chlaidheamh, iadsan a philleas o thìr na h-Eiphit gu tìr Iudah, bidh ro-thearc ann an àireamh: agus aithnichidh uile fhuigheall Iudah a chaidh air chuairt do thìr na h-Eiphit, cò am focal a sheasas, m’ fhocal-sa, no am focal-san. 29 Agus bidh so mar chomhara dhuibh, deir an Tighearna, gur mis’ a smachdaich sibh anns an àite sin, a chum gu’n aithnich sibh gu cinnteach gu seas mo bhriathran-sa ’nur n-aghaidh a chum [ur] dochainn. 30 Mar so deir Iehobhah, Feuch, bheir mise Pharaoh-hophra righ na h-Eiphit do laimh a naimhdean, agus do laimh na muinntir a ta ’g iarruidh anama; mar a thug mi Sedeciah righ Iudah do laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin a namhaid, agus fear-tòrachd anama. CAIB. XLV. AM focal a labhair Ieremiah am fàidh ri Baruch mac Neriah, ’nuair a scriobh e na briathran so ann an leabhar o bheul Ieremiah ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah righ Iudah, ag radh, 2 Mar so labhair Iehobhah Dia Israeil do d’ thaobh-sa, O Bharuich; 3 Thubhairt thu, Mo thruaighe mise nis! oir chuir an Tighearna bròn ri m’ dhoilghios; tha mi sgìth le m’ osnaibh, agus fois air bith cha d’ fhuair mi! 4 Mar so their thu ris, Mar so thubhairt Iehobhah, Feuch, an ni sin a thog mi, tilgidh mi sios; agus an ni sin a shuidhich mi, spionaidh mi nios; eadhon am fearann so gu h-iomlan. 5 Agus am bheil thus’ ag iarruidh air do shon fein nithe mora? na h-iarr: oir feuch, bheir mise olc air na h-uile fheoil, arsa Iehobhah: ach bheir mi dhuitse d’anam mar chobhartach, anns na h-uile àite gus an d’theid thu. CAIB. XLVI. FOCAL Iehobhah, a thainig gu Ieremiah am fàidh, mu thimchioll nan cinneach. 2 Mu thimchioll na h-Eiphit. Do thaobh feachda Pharaoih-necho righ na h-Eiphit, a bha ri taobh na h-aibhne Euphrateis ann an Carchemis, a bhuail Nebuchadnesar righ Bhabiloin ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah righ Indah, [TD 166] IEREMIAH. CAIB. XLVI. 3 Gleusaibh an targaid is an sgiath, is dlùthaichibh a chum a’ chatha. 4 Uighimichibh na h-eich, is rachaibh air am muin, a mharc-shluagh; agus seasaibh a mach le ceann-bheartaibh; lìomhaibh na sleaghan, cuiribh oirbh na lùirichean. 5 Com’ am faca mi iad so fo gheilt, agus a’ gabhail na ruaige? eadhon an daoine cumhachdach tha air an claoidh; seadh a’ teicheadh gu luath, s’ gun iad a’ sealltuinn nan deigh. Tha eagal air gach laimh, arsa Iehobhah. 6 Na teicheadh an ti tha luath, ’s na rachadh an ti tha làidir as; a laimh na h-airde tuath, ri taobh na h-aibhne Euphrateis, thuislich, agus fhuair iad leagadh. 7 Cò so teachd a nios mar abhainn is uisgeachan ag atadh mar thuiltean? 8 Dh’eirich an Eiphit mar abhainn, tha a h-uisgeachan ag atadh mar thuiltean, agus tha i ’g radh, Theid mi suas, comhdaichidh mi am fearann, sgriosaidh mi a’ chaithir, agus iadsan a ta ’ga h-àiteachadh. 9 Rachaibh air ’ur n-eachaibh, is bithibh air mhire-chatha; na carbada, agus rachadh na fir-chogaidh amach: na h-Etiopich, agus na Libianich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha. 10 Oir is e so là Iehobhah Dhia nan sluagh, là dioghaltais, a chum e fein a dhioladh air a naimhdean: agus sluigidh an claidheamh, is bidh e sàthach, is cuirear air mhisg e le’m fuil: oir tha iobairt aig Iehobhah Dia nan sluagh anns an tìr mu thuath, laimh ri abhainn Euphrateis. 11 Theirig asuas gu Gilead, is gabh ioc-shlaint, O òg-bhean, a nighean na h-Eiphit; is diomhain duit moran chungaidhean-leighis a ghnàthachadh: oir air do leigheas cha bhi thu. 12 Chuala na cinnich do ghlaodh, agus lion do ghaoir an talamh: oir thuislich iad, an laoch an aghaidh an laoich, agus thuit iad araon le cheile. 13 ¶ Am focal a labhair Iehobhah ri Ieremiah am fàidh mu theachd Nebuchadnesair righ Bhabiloin a bhualadh tìre na h-Eiphit. 14 Foillisichibh anns an Eiphit, is cuiribh an ceill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, is ann an Tahpanes abraibh; Seas daingean, agus deasuich thu fein; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a ta mu’n cuairt duit. 15 Com’ am bheil do chumhachdaich air an leagail? cha do sheas iad, a chionn do thilg Iehobhah sios iad. 16 Thug e air moran tuisleachadh, seadh tuiteam; thubhairt iad uime sin aon r’a cheile, Thigibh, agus pilleamaid gu’r sluagh fein, agus gu tìr ar dùchais, o ghnùis claidheimh a’ mhillteir. 17 Dh’éigh iad an sin, O Pharaoih a righ na h-Eiphit, chuir ioma-luasga bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh. 18 Mar is beo mise, ars’ an Righ, d’an ainm Iehobhah Dia nan sluagh, gu deimhin mar Thabor am measg nam beann, is mar Charmel ri taobh na fairge thig e. 19 Cuir d’ airneis an uigheam [TD 167] IEREMIAH. CAIB. XLVII. air son dol air ghluasad, O a nighean a ta chomhnuidh san Eiphit; oir bidh Noph ’na fhàsaich, bidh e fòs ’na làraich sgaoilte, gun aon ’ga àiteachadh. 20 Is agh aig am bheil aogus àluinn an Eiphit; tha milleadh o’n airde tuath a’ teachd ’na h-aghaidh. 21 Tha a fir-thuarasdail fòs ’na meadhon mar dhaimh bhiadhta; gidheadh thionndaidh eadhon iadsan an cùlaobh, theich iad le cheile, cha do sheas iad; a chionn gu d’thainig orra là an aimhleis, amsir an smachdachaidh. 22 Theid a guth a mach mar [ghuth] nathrach, an uair a thig iad air an aghaidh le feachd agus le tuaghaibh. 23 Thigibhse ’na h-aghaidh mar luchd-gearraidh chraobh, gearraibh a sios a coillteach, arsa Iehobhah, air chor as nach bi e ri fhaotainn le iarruidh; ge lionmhoire iad na locuist, is ge nach feudar an aireamh. 24 Tha amhluadh air nighin a h-Eiphit; thugadh thairis i do laimh sluaigh na h-airde tuath. 25 Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, thubhairt; Feuch, smachdaichidh mise Amon No, agus Pharaoh, agus an Eiphit, agus a dée, agus a righrean; eadhon Pharaoh, agus iadsan a ta cur ann an earbsa. 26 Agus bheir mi thairis iad do laimh na muinntir a ta ’g iarruidh an anama, eadhon do laimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin, agus do laimh a sheirbhiseach: agus ’na dheigh sin àitichear i, mar anns na laithibh o shean, arsa Iehobhah. 27 Ach na biodh eagal ortsa, O Iacoib m’ òglach, agus na biodh geilt ort, O Israeil; oir feuch, bheir mise tearuint thu o chéin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus pillidh Iacob, agus gheibh e fois agus sìth, is cha bhi aon neach ann a chur eagail air. 28 Na biodh eagal ort, O Iacoib m’ òglach, arsa Iehobhah, oir tha mise maille riut; ge do ni mi criochnachadh iomlan air na h-uile chinnich gus an d’ fhògair mi thu, gidheadh cha dean mi criochnachadh iomlan ort-sa: ach ni mi do smachdachadh ann an tomhas, agus cha’n fhuiling mi dhuit dol as gu h-iomlan saor. CAIB. XLVII. FOCAL Iehobhah a thainig gu Ieremiah am fàidh do thaobh nam Philisteach, mun do bhuail Pharaoh Gasa. 2 Mar so deir Iehobhah, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd anios o’n airde tuath, agus fàsaidh iad ’nan tuil a thig thairis, agus a chomhdaicheas am fearann, is gach ni ta ann; a’ chaithir, agus iadsan ata ’ga h-àiteachadh; agus éighidh na daoine gu h-ard, is ni uile luchd-àiteachaidh na tìre tuireadh. 3 Ri fuaim tartair ionganan eacha meamnach, ri farum a charbad, ri stairirich a rothan, cha seall na h-aithrichean air an ais ri’n cloinn, le laigse làmh. 4 Airson an là a ta teachd a chreachadh nam Philisteach uile, ’s a ghearradh air falbh o Thirus agus o Shidon gach fear-cuideachaidh a ta mairionn: oir creachaidh Iehobhah na Philistich, fuigheall tìre Chaphtoir. [TD 168] IEREMIAH. CAIB. XLVIII. 5 Thainig maoile air Gasa, mhilleadh Ascelon. O fhuigheall an glinne; cia fhad a ni thusa thu-fein a ghearradh? 6 Ho! a chlaidheimh Iehobhah! cia fhada gus an gabh thu fois? taisg thu fein ann a d’ thruaill, gabh fois, is bi sàmhach. 7 Cionnus a dh’ fheudas e bhi sàmhach, o thug Iehobhah àithne dha? An aghaidh Asceloin, is an aghaidh oir-thir na fairge, gu sin rinn e orduchadh. CAIB. XLVIII. MU thimchioll Mhoaib. Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; Is deacair do Nebo! oir tha e air a chreachadh; tha Ciriataim air a chur gu h-amhluadh, air a ghlacadh; tha e air a mhaslachadh, an daighneach ard, agus air a bhristeadh a sios. 2 Ni ’s mò cha bhi uaill aig Moab ann an Hesbon; dhealbh iad olc ’na aghaidh, [ag radh] Thigibh, agus gearramaid as e o bhi ’na chinneach: millear thusa mar an ceudna, O Mhadmein, bidh an claidheamh air do thòir. 3 Chluinnear an èigheach o Horonaim, milleadh agus àr mor. 4 Tha Moab air a mhilleadh, thug a chlann bheag air an gaoir a bhi air a cluinntinn. 5 Gu dearbh aig uchdaich Luhit, theid gul a suas gun fhois; gu dearbh aig leathad Horonaim chuala mo naimhdean éighe mhillidh. 6 Teichibh, tearnaibh ’ur n-anam, agus bithibh mar phreas seargta san ionad sgaoilte. 7 Oir a chionn gu d’ earb thu as do mhaoin, air an aobhar sin maille ri d’ionnasaibh bidh tu fein fòs air do ghlacadh: agus theid Chemos air falbh am braighdeanas, a shagairt agus uachdarain maille ris. 8 Thig creachadair fòs air gach uile chaithir; agus caithir air bith cha d’ theid as: agus millear an gleann, is theid an comhnard a sgrios, amhuail a labhair Iehobhah. 9 Thugaibh sgiathan do Mhoab, a chum gu teicheadh e gu luath air falbh; agus biodh a bhailtean ’nam fàsaich, gun aon ’gan àiteachadh. 10 Is malluichte esan a ni obair an Tighearna gu cealgach; agus is malluichte esan a chumas a chlaidheamh air ais o fhuil. 11 Bha suaimhneas aig Moab o òige, agus shocruich e air a dheasgainibh, is cha do tharruingeadh a mach o shoitheach gu soitheach e, ni mò dh’imich e ann am braighdeanas: air an aobhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’atharraicheadh a bholadh. 12 Uime sin, feuch, tha na laithean a’teachd, arsa Iehobhah, anns an cuir mise d’a ionnsuidh luchd-gluasaid, a bheir air dol air ghluasad, agus a dh’fhalamhaicheas a shoithichean, agus a bhristeas a’ shoireachan. 13 Agus bidh nàire air Moab do Chemos, mar a bha nàire air tigh Israeil do Bhetel am muinighin. 14 Cionnus a their sibh, Tha sinn ’nar daoine cumhachdach, agus treun air son a’chatha? 15 Asuas thu, O fhir-mhillidh, gu Moab agus gu bhailtean, agus thigeadh an oigridh thaghta-san a nuas a chum [TD 169] IEREMIAH. CAIB. XLVIII. an àir, arsa an Righ, d’an ainm Iehobhah Dia nan sluagh. 16 Tha leir-sgrios Mhoaib dlù do laimh, agus amhghar gu luath a’ greasad. 17 Guilibh air a shon, sibhs’ uile mu’n cuairt da; agus sibhs’ uile d’ an aithne ainm, abraibh, Cionnus a bhristeadh slat-rioghail na treise! lorg na maise! 18 Thig a nuas o d’ àilleachd, agus suidh ann an ìota, O a nighean a ta ’g àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhoaib air teachd a nios ann a d’ aghaidh, fear-millidh do dhaighnichean. 19 Aig an t-slighe seas, is gabh sealladh, O bhean-àiteachaidh Aroeir; feoruich dheth-san a theicheas, agus dh’ise chaidh as, abair, Ciod a rinneadh? 20 Mhasluicheadh Moab, oir bhristeadh a sios e: deanaibh ulartaich, agus ard-eighibh; innsibh an sgeul ann an Arnon, gu bheil Moab air a mhilleadh. 21 Agus thainig breitheanas air an tìr chomhnaird; air Holon, agus air Iahasah, agus air Mephaat, 22 Agus air Dibon, agus air Nebo, agus air Bet-diblataim, 23 Agus air Ciriataim, agus air Bet-gamul, agus air Bet-meon, 24 Agus air Ceriot, agus air Bosrah, agus air uile bhailtean fearainn Mhoaib, am fad ’s am fagus, 25 Ghearradh adharc Mhoaib uaith, agus tha a ghairdean air a bhristeadh, arsa Iehobhah. 26 Cuir air mhisg e; a chionn gu do thog e suas e fein an aghaidh Iehobhah: seadh buaileadh Moab a bhasan ’na sgeith fein, a chum gu biodh esan mar an ceudna ’na bhall-fanaid. 27 Oir, nach robh Israel ’na bhall-fanaid duitse? an d’ fhuaradh am measg mheirleach e, gu d’thugadh tu ana-cainnt da leis na h-uile bhriathran a’ b’ urradh thu? 28 Fàgaibh na bailtean, agus gabhaibh comhnuidh anns a’ charraig, O sibhs’ a ta ’g àiteachadh Mhoaib; agus bithibh cosmhuil ris a’ choluman a ni a nead ann am bruaich bile na h-ailbheinn. 29 Chuala sinn uabhar Mhoaib, tha e ro-uaibhreach; a mhor-chuis, agus uabhar, agus uaill, agus ardan a chridhe. 30 Is aithne dhomhsa, arsa Iehobhah, a chorruich, ach cha ’n ’eil a neart d’a reir; a raiteachas, ach cha’n fheud e cur leis. 31 Air an aobhar sin guilidh mise air son Mhoaib, eadhon air son Mhoaib uile togaidh mi ’n aird mo ghuth; ri fearaibh Chir-hereis ni Iaser èigheach le gul. 32 Guilidh mi air do shon, O fhineamhuin Shibmah; sgaoil do mheanglain thair an fhairge, rainig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas samhraidh agus air d’ fhion-fhoghara bhuail am fear-millidh. 33 Agus tha aoibhneas agus gairdeachas air an toirt air falbh o’n mhachair thorthaich, eadhon o thìr Mhoaib; agus air fion o’n amar-bhruthaidh chuir mise casgadh; am fear-bruthaidh cha bhrùth, an iolach cha’n iolach i. 34 O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a mach an guth, o Shoar gu ruig Horonaim, [mar] thri-bliadhnach aighe; oir bidh eadhon [TD 170] IEREMIAH. CAIB. XLIX. uisgeacha Nimrim ’nan leir-sgrios 35 Agus cuiridh mise casgadh ann am Moab, arsa Iehobhah, airsan a dh’iobras air ionad ard, agus airsan a loisgeas tùis d’ a dhiadhan. 36 Air an aobhar sin ni mo chridhe fuaim mar phiobaibh air son Mhoaib; ni eadhon mo chridhe fuaim mar phiobaibh air son fheara Chir-hereis: a chionn gu deachaidh am beartas, a fhuair iad, ann am mugha. 37 Seadh tha gach ceann maol, is gach feusag bearrta: air na h-uile lamhan tha gearraidhean, is air na h-uile leasraibh sac-éideadh. 38 Air mullach uile thighean Mhoaib, agus ’na shràidibh, tha tuireadh coitchionn: oir bhrist mise Moab, mar shoitheach anns nach ’eil aig aon neach tlachd, arsa Iehobhah. 39 Cionnus a bhristeadh a sios e! (bhùir iad;) cionnus a thionndaidh Moab a chùlaobh! naraicheadh Moab, agus bidh e ’na bhall-fanaid, agus ’na uamhunn dhoibhsin uile mu’n cuairt da. 40 Oir mar so deir Iehobhah, Feuch, itealuichidh [aon] mar iolair, agus sgaoilidh e a sgiathan thair Moab. 41 Ghlacadh na bailtean, agus tha na daighnichean an laimh; is bidh cridheachan laoch Mhoaib anns an là sin mar chridhe mnà ra saothair. 42 Agus sgriosar Moab o bhi ni ’s mò ’na chinneach, a chionn gu d’arduich e e fein an aghaidh Iehobhah. 33 Tha’n t-uabhas, an slochd, agus an rib ort, O fhir-àiteachaidh Mhoaib, arsa Iehobhah. 44 Esan a theicheas o’n uabhas, tuitidh e san t-slochd, agus esan a dh’eireas as an t-slochd glacar e san rib; oir bheir mise air, [eadhon] air Moab, bliadhnadh a smachdachaidh, arsa Iehobhah. 45 Fuidh sgàile Hesboin sheas iadsan a theich o’n ain-neart: ach thig teine mach o Hesbon, agus lasair a meadhon Shihoin, agus loisgidh e cearna Mhoaib, agus ard-bhaile nan daoine ceannairceach. 46 Is deacair dhuitse, O Mhoaib! tha thusa caillte, O shluaigh Chemois! oir thugadh do mhic air falbh am braighdeanas, do nigheanan ann am bruid mar an ceudna. 47 Gidheadh bheir mise air a h-ais bruid Mhoaib anns na laithibh deireannach, deir Iehobhah. An fhad so breitheanas Mhoaib. CAIB. XLIX. Mu thimchioll nan Amonach. Mar so deir Iehobhah, Nach ’eil mic idir aig Israel! nach ’eil oighre sam bith aige? com’ am bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chomhnuidh ’na bhailtibh? 2 Uime sin feuch, tha na laithean a’teachd, deir Iehobhah, san toir mise fanear gu cluinnear ann an Rabah nan Amonach caiseamachd cogaidh, agus bidh e ’na thorr leir-sgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel ’na oighre air an dream a bha ’nan oighreachan airsan, deir Iehobhah. 3 Dean ulartaich, O Hesboin, oir chreachadh Ai: eighibh a nigheana Rabah, cuiribh umaibh eudach saic: tuiribh, agus ruithibh air ’ur n-ais agus air [TD 171] IEREMIAH. CAIB. XLIX. ’ur n-aghaidh ri taobh nan callaidean, oir falbhaidh Milcom ann am braighdeanas, a shagairt agus uachdarain maille ris. 4 Com’ am bheil thu ri uaill ann an gleannaibh? ge d’ tha do ghleann torthach, O a nighean cheannairceach; ag earbsadh as a h-ionnasaibh; [ag radh] Cò thig do m’ ionnsuidh-sa? 5 Feuch, bheir mise uabhas ort, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, o na h-uile taobh mu’n cuairt duit, agus iomainear a mach sibh, gach aon roimhe, ’s cha bhi neach ann a chruinnicheas air an ais a’mhuinntir a ghabhas an ruaig. 6 Ach ’na dheigh sin bheir mise air a h-ais bruid cloinne Amoin, arsa Iehobhah. 7 ¶ Mu thimchioll Edoim. Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Nach ’eil gliocas ni ’s mò ann an Teman? an do bhàsaich comhairle nan daoine glice? an deachaidh an gliocas an mugha? 8 Teichibh, pillibh air ’ur n-ais, rachaibh domhain a ghabhail comhnuidh, O a luchd-àiteachaidh Dhedain; oir tha mise gu dòrainn a thoirt air Esau, aimsir a smachdachaidh. 9 Ma thig luchd-tionail fhion-dearc do d’ ionnsuidh, cha’n fhàg iad uirread as dìolum: ma thig gaduichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca ni ’s leor. 10 Oir rùisg mise Esau, leig mi ris ionada diomhair, air chor as nach feud e e fein fholach; chreachadh a shliochd, agus a bhràithrean, agus a choimhearsnaich, is cha’n ’eil a’ bheag sam bith dheth air fhàgail. 11 Do dhilleachdain an gleidh mise beo? no an cuir do bhantraichean annamsa an dochas? 12 Seadh mar so deir an Tighearna, Feuch, iadsan nach robh co toillteannach air òl do’n chuaich, dh’òl iad dh’i gu deimhin, agus am feud thusa dol gu saor as? cha d’ theid thu as, ach gu deimhin òlaidh tu. 13 Oir orm fein mhionnuich mise, arsa Iehobhah, ’na leir-sgrios, ’na mhasladh, ’na fhàsaich, agus ’na mhallachadh gu bi Bosra; agus ’nam fàsaichibh siorruith gu bi uile bhailtean. 14 Chuala mi aithris o Iehobhah, agus chuireadh teachdaire chum nan cinneach, [ag radh] Cruinnichibh le cheile, ’s thigibh ’na h-aghaidh, agus eiribh asuas a chum a’ chomhraig. 15 Oir feuch, ni mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarrach am measg dhaoine. 16 Rinn do mhor-chumhachd do mhealladh, uabhar do chridhe, O thusa ta ’g àiteachadh uamha na carraige, ta gleidheadh airde a’ chnuic: ge do dhean thu gu h-ard, mar an iolair, do nead, as sin bheir mise nuas thu, arsa Iehobhah. 17 Agus bidh Edom ’na fhàsaich, bidh uamhunn air gach neach a theid seachad air, is ni iad sgeig m’a uile leir-sgrios. 18 Ceart mar ann an sgrios Shodoim is Ghomorraih, is nan ionadan a bha dlù dhoibh, arsa Iehobhah, cha ghabh duine comhnuidh an sin, ni mò theid mac duine gu fuireach air chuairt ann. 19 Feuch, mar leomhan, thig e nios o ataireachd Iordain gu crò nan cumhachdach. Gu [TD 172] IEREMIAH. CAIB. XLIX. deimhin bheir mise fanear gu luath gu ruith e nios as sin; agus cò e an gaisgeach taghta a thearnas iad? Oir cò is cosmhuil riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no c’ àit am bheil am buachaille sin a’s urradh seasamh ann am lathair? 20 Air an aobhar sin eisdibh rùn Iehobhah, a ghabh e ’n aghaidh Edoim, agus a smaointean a smaointich e ’n aghaidh luchd-àiteachaidh Themain: gu deimhin spionar air falbh àlach an treud, gu deimhin nithear leir-sgrios, os an cionn, d’an aite-comhnuidh. 21 Le fuaim an leagaidh tha crith air an talamh; tha ghaoir a’ dol a mach; aig a’ Mhuir ruaidh chualas an éigheach. 22 Feuch, thig e nios, mar iolair, ag itealuich, agus sgaoilidh e a sgiathan thair Bosra; agus bidh cridheachan laoch Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair. 23 ¶ Mu thimchioll Dhamascuis. Chuireadh gu h-amhluadh Hamat agus Arphad, oir chuala iad droch sgeula; tha iad fo iomaguin, mar mhuir bhuairte nach feud a bhi sàmhach. 24 Tha Damascus air fàs lag, tha e ’ga thionndadh fein gu teicheadh, is fhuair eagal greim air: ghlac teanntachd e, agus ioghanna, mar mhnaoi ri saothair. 25 Cionnus nach mairionn caithir a’ mholaidh, baile mo shòlais! 26 Uime sin tuitidh a h-òganaich ’na sràidibh, agus gearrar as na fir-chogaidh uile san là sin, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 27 Agus fadaidh mise teine ann am balla Dhamascuis, agus loisgidh e luchairtean Bhen-hadaid. 28 ¶ Do thaobh Chedair, agus do thaobh rioghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar righ Bhabiloin. Mar so thubhairt Iehobhah; Eiribh, rachaibh a suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h-aird’ an ear. 29 Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an sgàileachan agus an airneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhoibh fein; agus thugadh iad orra uabhas o gach taobh. 30 Teichibh, imichibh gu luath, rachaibh domhain a ghabhail comhnuidh, O a luchd-àiteachaidh Hasoir, arsa Iehobhah; oir ghabh Nebuchadnesar righ Bhabiloin comhairle ’nur n-aghaidh, agus dhealbh e ’nur n-aghaidh aimhleas. 31 Eiribh, rachaibh asuas an aghaidh cinnich shuaimhneich, a ta gabhail comhnuidh gun chùram, deir Iehobhah; aig nach ’eil aon chuid dorsan no croinn; a ta chomhnuidh air leth leo fein. 32 Agus bidh an càmhala ’nan cobhartach, agus pailteas an spreidhe ’na chreich, agus sgapaidh mise gus na h-uile gaoth iadsan a th’ anns na cearnaibh iomallach, is o na h-uile taobh dheth bheir mise ’n dòrainn, arsa Iehobhah. 33 Agus bidh Hasor ’na ionad-comhnuidh dhragon, ’na fhasaich bhith-bhuain; cha ghabh duine comhnuidh an sin, ni mò theid mac duine gu fuireach air chuairt ann. [TD 173] IEREMIAH. CAIB. L. 34 ¶ Focal Iehobhah a thainig gu Ieremiah am fàidh mu thimchioll Elaim, ann an toiseach linn Shedeciah righ Iudah, ag radh, 35 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Feuch, bristidh mise bogha Elaim, a’ chuid a’s tréine d’an cumhachd. 36 Agus bheir mise air Elam ceathair ghaoithean o cheathair chearnaibh neimhe, agus sgapaidh mi iad roimh na gaoithean so uile; agus cha bhi cinneach air bith gus nach d’thig iadsan a dh’ fhògradh o Elam. 37 Oir bheir mise air Elam a bhi fo gheilt roimh ghnùis an naimhdean, agus roimh ghnùis na muinntir ata ’g iarruidh an anama; agus bheir mi aimhleas orra, teas mo chorruiche, deir Iehobhah; agus cuiridh mi ’nan deigh an claidheamh, gus an caith mi gu tur iad. 38 Agus cuiridh mi mo rì-chathair ann an Elam, agus sgriosaidh mi as sin an righ agus na ceannardan, arsa Iehobhah. 39 Ach tarlaidh anns na laithibh deireannach, gu toir mise air a h-ais bruid Elaim, deir Iehobhah. CAIB. L. AM focal a labhair Iehobhah mu thimchioll Bhabiloin, agus mu thimchioll fearainn nan Caldeach, le Ieremiah am fàidh. 2 Cuiribh an ceill am measg nan cinneach, agus foillsichibh; agus cuiribh a suas a’ bhratach, foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Babilon, mhasluicheadh Bel, bhristeadh Merodach ’na bhlòighdibh, chlaoidheadh a h-iodholan, bhristeadh ’nam bloghdibh a dealbhan. 3 Oir tha cinneach a’ teachd a nios ’na h-aghaidh o’n airde tuath, a ni a fearann ’na fhàsaich, air chor as nach gabh aon neach comhnuidh ann; eadar dhuine ’s ainmhidh gluaisidh iad air falbh, siubhlaidh iad anns na laithibh sin. 4 Ach an deigh an ama sin, arsa Iehobhah, thig clann Israeil, iad fein agus clann Iudah le cheile, ag imeachd agus a’ gul ’nan imeachd, agus iarruidh iad Iehobhah an Dia. 5 Iarruidh iad an t-slighe gu Sion, le’n aghaidh d’a h-ionnsuidh, [ag radh] Thigibh, agus naisgeamaid sinn fein ris an Tighearna, le co-cheangal siorruith nach leigear air di-chuimhn. 6 Bu chaoirich chaillte mo shluagh-sa: thug an aodhairean orra dol air seacharan, tharruing iad a thaoibh iad air na sleibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite-fois air di-chuimhn. 7 Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad asuas iad; oir thuirt an naimhdean, Cha’n ’eil sinn ri cron air bith, a chionn gu do pheacaich iad an aghaidh Iehobhah. B’ esan an t-àite-taimh ceart; dochas an aithrichean b’e Iehobhah. 8 Gluaisibh a mach a meadhon Bhabiloin, agus imichibh a tìr nan Caldeach, is bithibh mar na gabhraibh firionn air toiseach nan treudan. 9 Oir feuch, duisgidh mise, ’s bheir mi nios an aghaidh Bhabiloin, co-thional chinneacha mora o’n tir mu thuath; agus cuiridh iad iad fein ann an ordugh ’na h-aghaidh, air sheol as gu glacar i: bidh an saighdean mar [TD 174] IEREMIAH. CAIB. L. gu b’ann o ghaisgeach seolta; cha phill aon diubh gu diomhain. 10 Agus bidh Caldea’na creich, iadsan uile a chreachas i gheibh an sàth, deir Iehobhah. 11 A chionn gu bheil sibh ri gairdeachas, a chionn gu bheil sibh ri aidhear, O sibhs’ a chreach m’ oighreachd; a chionn gu bheil sibh air fàs reamhar mar agh biadhta, ’s ri sitrich mar eachaibh meamnach. 12 Maslaichear ’ur mathair gu mor, nàraichear ise a rug sibh; feuch ise, deireadh nan cinneach, ’na fàsaich, ’na fearann tioram agus falamh. 13 Airson corruich Iehobhah, cha bhi i ni ’s mò air a h-àiteachadh, ach bidh i ’na fàsaich gu h-iomlan: bidh uamhunn air gach aon a theid seachad air Babilon, is ni e sgeig m’a h-uile phlàighibh. 14 Cuiribh sibh fein ann an ordugh an aghaidh Bhabiloin air gach taobh: sibhse uile a lùbas am bogha, caithibh oirre, na caomhnaibh saighdean: oir chiontaich i ’n aghaidh Iehobhah. 15 Eighibh os a cionn air gach taobh: striochd i ifein, thuit a daighnichean, thilgeadh asios a ballachan: oir is e so dioghaltas Iehobhah, deanaibhse oirre dioghaltas; mar a rinn i fein, deanaibhse rithe. 16 Gearraibh o Bhabilon am fear-cuir, agus esan a ghlacas an corran ann an am an fhogharaidh: air eagal claidheimh a’mhillteir, pillidh iad gach aon gu shluagh, teichidh iad gach aon gu dhùthaich. 17 Is treud sgapta Israel; rinn leomhain a ruagadh; an toiseach, chaith righ Asiria suas e; agus mu dheire, dh’ ith e so gu ruig an cnàimh e, Nebuchadnesar righ Bhabiloin. 18 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, smachdaichidh mise righ Bhabiloin agus fhearann, mar a smachdaich mi righ Asiria. 19 Ach bheir mi Israel air ais gu àite-comhnuidh fein, agus ionaltraidh e air Carmel agus Basan, agus air sliabh Ephraim agus air Gilead sàsuichear anam anns na laithibh sin. 20 Agus anns an am sin, deir Iehobhah, iarrar air son aingeachd Israeil, is cha bhi i ann; agus airson lochdan Iudah, ach cha bhi iad ri ’m faotainn: oir bheir mise maitheanas dhoibh sin a thearnas mi. 21 An aghaidh fearainn nan ceannairceach imich asuas, air fein agus air a luchd-àiteachaidh thoir breitheanas, O a chlaidheimh, agus cuir as gu buileach d’an gineil, arsa Iehobhah, agus coilion gach ni mar a dh’àithn mise dhuit. 22 Tha fuaim a’ chatha san fhearann, eadhon milleadh ro-mhor. 23 Cionnus a bhristeadh agus a spealgadh fairche ’n domhain uile! Cionnus a dh’ fhàs Babilon ’na cùis-uamhais am measg nan cinneach! 24 Leag mise rib air do shon, is bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhabiloin, an uair nach do shaoil thu: fhuaradh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gu d’ rinn thu strì ann an aghaidh Iehobhah. 25 Dh’ fhosgail Iehobhah arm-thigh, agus thug e ’mach airm a chorruich: oir is i so obair an Tighearna, Iehobhah [TD 175] IEREMIAH. CAIB. L. Dhia nan sluagh, ann an tìr nan Caldeach. 26 Thigibh ’na h-aghaidh o’n chearnaidh a’s iomallaiche, fosglaibh a tighean-taisg, cuiribh fo’r casaibh i mar thorr, agus sgriosaibh i gu buileach, na biodh fuigheall d’i air fhàgail. 27 Marbhaibh a daimh air fad: rachadh iad a sios a chum an àir: is truagh dhoibhsan! òir tha an là air teachd, am an smachdachaidh. 28 Guth na muinntir a theich agus a chaidh as o thìr Bhabiloin! a dh’ fhoillseachadh ann an Sion dioghaltais Iehobhah ar Dia-ne, dioghaltais a theampuill; dh’ eigh iad, Cha ’n ’eil Babilon ann! 29 O a luchd-shaighead, slbhse uile ta lùbadh a’ bhogha, cuairtichibh le feachd i air gach laimh, na rachadh cuid air bith dhi as; dìolaibh rithe do reir a h-oibre, do reir gach ni a rinn i deanaibh rithe; a chionn gu d’ rinn i gu h-uaibhreach an aghaidh Iehobhah, an aghaidh Ti naomha Israeil. 30 Air an aobhar sin tuitidh a h-òganaich ’na sràidibh, agus bidh a fir-chogaidh uile air an gearradh as anns an là sin, arsa Iehobhah. 31 Feuch tha mise ann a d’aghaidh, O uaibhreich, deir an Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh: gu cinnteach tha do là air teachd, an t-am san dean mise do smachdachadh. 32 Agus gheibh an t-uaibhreach tuisleadh agus leagadh, is cha bhi neach ann a thogas a suas e: agus fadaidh mise teine ’na bhailtibh, agus loisgidh e gach ni mu’n cuairt da. 33 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Shàruicheadh clann Israeil is clann Iudah le chéile, ’s rinn iadsan uile thug am braighdeanas iad greim daingean orra, dhiult iad an leigeadh air falbh. 34 Is cumhachdach am fear-saoruidh, Iehobhah Dia nan sluagh is e ainm; tagraidh e gu daingeann an cùis, a chum gu d’thugadh e suaimhneas do ’n talamh, agus mi-shuaimhneas do luchd-àiteachaidh Bhabiloin. 35 Bidh claidheamh air na Caldeich, deir Iehobhah, agus air luchd-àiteachaidh Bhabiloin, agus air a h-uachdarain, agus air a daoine glice; 36 Claidheamh air na breugairean, is bidh iad air mhi-cheill; claidheamh air a daoine cumhachdach, is bithidh iad fo uamhuinn. 37 Claidheamh air a h-eachaibh, agus air a carbadaibh, agus air a h-uile shluagh coi-measgta ta ’na meadhon, agus bithidh iad mar mhnaibh; claidheamh air a h-ionnasaibh, agus bidh iad air an spùinneadh; 38 Claidheamh air a h-uisgeachaibh, agus tiormaichear a suas iad: a chionn gur i tìr nan dealbha snaighte, agus a iodhalaibh gu bheil i a’ deanamh uaille. 39 Air an aobhar sin gabhaidh fiadh-bheathaichean nam fàsach, is madaidh-alluidh nan coilltean tàmh an sin; an sin fòs ni nigheana na caillich-oidhche comhnuidh: agus cha ’n àitichear i tuille gu siorruith, ni mò ghabhar comhnuidh innte feadh linn nan linntean. 40 Amhuil ’nuair a sgrios Dia Sodom is Gomorrah, agus na [TD 176] IEREMIAH. CAIB. LI. bailtean a bha dlù dhoibh, deir Iehobhah, cha ghabh duine comhnuidh an sin, ni mò theid mac duine gu fuireach air chuairt ann. 41 Feuch sluagh a’teachd o’n airde tuath, eadhon cinneach mor, agus dùisgear moran righrean o chriochaibh an domhain. 42 Am bogha ’s an t-sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, is cha nochd iad trocair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eachaibh, ann an ordugh mar dhaoine chum a’chatha, ann a d’aghaidh-sa, O a nighean Bhabiloin. 43 Chuala righ Bhabiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag; rinn airc greim air; goith, amhuil mnà ri saothair. 44 Feuch, mar leomhan, thig e nios o ataireachd Iordain gu comhnuidh nan cumhachdach. Gu deimhin bheir mise fanear gu luath gu ruith e nios as sin; agus cò e an gaisgeach taghta a thearnas iad? Oir cò is cosmhuil riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no c’àit am bheil am buachaille sin a’s urradh seasamh ann am lathair? 45 Air an aobhar sin èisdibh rùn Iehobhah, a ghabh e ’n aghaidh Bhabiloin, agus a smaointean a smaointich e ’n aghaidh tìre Chaldea: Gu deimhin spionar air falbh àlach an treud, gu deimhin nithear leir-sgrios, os an cionn, d’an aite-comhnuidh. 46 Leis an fhuaim, Ghlacadh Babilon! tha ’n talamh air a luasgadh, is chualas a’ ghaoir am measg nan cinneach. CAIB. LI. MAR so deir Iehobhah, Feuch, dùisgidh mise suas an aghaidh Bhabiloin, agus an aghaidh na muinntir ata chomhnuidh ann am meadhon na dream sin a ta ’g eirigh ann am aghaidh, gaoth sgriosach. 2 Agus cuiridh mi gu Babilon luchd-fasgnaidh, agus fasgnaidh iad i, agus falamhaichidh iad a fearann; oir cuairtichidh iad gach taobh i ann an là na docair. 3 Lùbadh an saighdear gun tàmh a bhogha, ’s na cuireadh e dheth a lùireach; agus na caomhnaibh a h-òganaich, sgriosaibh gu buileach an t-iomlan d’ a feachd. 4 Agus tuitidh iadsan a mharbhar ann an tìr nan Caldeach, agus iadsan a bhuailear trìd ’na sràidibh. 5 Oir cha do dhìobradh Israel, no Iudah le Dhia, le Iehobhah Dia nan sluagh; ge do bha am fearann air a lionadh le peacadh an aghaidh Ti naomha Israeil. 6 Teichibh a mach a meadhon Bhabiloin, agus sàbhaladh gach neach anam; mun gearrar as sibh ’na h-aingeachd; oir is i so aimsir dioghaltais Iehobhah; diolaidh e rithe luigheachd. 7 Bu chupan òir Babilon ann an laimh Iehobhah, a chuir air mhisg an talamh uile: d’a fion dh’ òl na cinnich, uime sin tha na cinnich air boile. 8 Thuit Babilon gu h-obann, agus mhilleadh i; guilibh os a cionn; gabhaibh ìc airson a leoin, ma dh’ fheudar mar sin a leigheas. 9 B’àill leinne Babilon a leigheas, ach cha’n ’eil i air a leigheas tréigibh i, agus rachamaid gach aon d’a dhùthaich fein; oir ràinig a breitheanus na neamha, gus thogadh a suas e gus na speuraibh. [TD 177] IEREMIAH. CAIB. LI. 10 Thug Iehobhah mach saorsa dhuinne; thigibh agus cuireamaid an ceill ann an Sion obair an Tighearna ar Dia. 11 Geuraichibh na saighdean; cruinnichibh na sgiathan; dhùisg Iehobhah suas spiorad righrean Mhedia; oir tha a rùn an aghaidh Bhabiloin, a chum a sgrios: gu deimhin is e dioghaltas Iehobhah, diogahaltas a theampuill. 12 Fa chomhair bhallacha Bhabiloin cuiribh a suas a’ bhratach, gleidhibh freiceadan làidir, suidhichibh fir-fhaire, deasuichibh luchd feall-fholach; oir mar a dhealbh Iehobhah, mar an ceudna rinn e, na nithe sin a labhair e’n aghaidh luchd-àiteachaidh Bhabiloin. 13 O thusa ta chomhnuidh aig moran uisgeachaibh, saibhir ann an ionnasaibh, thainig do chrioch, tomhas do shainnt. 14 Thug Iehobhah Dia nan sluagh, mionnan air fein, [ag radh,] Gu deimhin lionaidh mi thu le daoine, mar gu b’ann le locuist, agus togaidh iad asuas iolach ann ad’ aghaidh. 15 Rinn Esan an talamh le chumhachd, shocruich e’n saoghal le ghliocas, agus le thuigse sgaoil e mach na neamha. 16 ’Nuair a chuireas e mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na neamha, ’s bheir e air a’ cheo dol suas o chriochaibh na talmhainn, ni e dealanach le frasaibh, agus bheir e mach a’ ghaoth as ionadaibh-tasgaidh. 17 Dh’ fhàs gach duine mar bhrùid ’na eolas; nàraicheadh gach òr-cheard le iomhaigh leaghta; oir is ni breugach an dealbhan leaghta, agus anail air bith cha’n ’eil annta. 18 Is ni faoin iad, obair mhearachd: ann an am an smachdachaidh theid iad am mugha. 19 Cha cosmhuil riu so cuibhrionn Iacoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain uile, agus is e Israel slat oighreachd; Iehobhah Dia nan sluagh is e ainm. 20 O a shlachdain bhualaidh, is tu m’ acfuinn chogaidh; agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh cinnich; agus leatsa millidh mi rioghachdan; 21 Agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh an t-each agus a mharcach; agus leatsa bristidh mi ’na bhloighdibh an carbad, agus esan a shuidheas air; 22 Agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh am fear agus a’ bhean; agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh an sean duine ’s an leanabh; agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh an t-òganach agus a’ ghruagach. 23 Agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh am buachaille agus a threud; agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh an treabhaiche agus a chuing; agus leatsa bristidh mi ’nam bloighdibh cinn-fheadhna agus luchd-riaghlaidh. 24 Agus diolaidh mi ri Babilon, agus ri uile luchd-àiteachaidh Chaldea, an uile olc a rinn iad ann an Sion ’nur sealladh-sa, deir Iehobhah. 25 Feuch, tha mise ann a d’ aghaidh O a shleibh sgriosaich, deir Iehobhah, a ta sgrios na talmhainn uile; agus sìnidh mi mo làmh a mach ort, agus iomainidh mi thu sios o na creagaibh, is ni mi beinn loisgte dhiot. 26 Agus cha ghabh iad dhiot clach air son oisinne, no clach air [TD 178] IEREMIAH. CAIB. LI. son bhunaitean, ach ann a d’ charnaibh leir-sgrios bithidh tu gu siorruith, thubhairt Iehobhah. 27 Cuiribh a suas bratach anns an fhearann, séidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh ’na h-aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a cheile ’na h-aghaidh rioghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sonraichibh ceanna-feadhna ’na h-aghaidh, thugaibh air na h-eachaibh teachd a nios mar na locuist fhriodhanach. 28 Deasuichibh ’na h-aghaidh cinnich, righrean Mhedia, a cinn-fheadhna, ’s a h-uile luchdriaghlaidh, agus uile fhearann a tighearnais. 29 Agus biodh crith air an fhearann, agus doilghios; oir comhairle Iehobhah ’n aghaidh Bhabiloin seasaidh daingean, a dheanamh tìre Bhabiloin ’na fàsaich, gun neach ’ga h-àiteachadh. 30 Leig laoich Bhabiloin dhiubh cogadh, dh’ fhan iad ann an daighnichibh, dh’ fhailnich an treise, dh’ fhàs iad mar mhnaibh; loisgeadh a h-ionada-comhnuidh, bhristeadh a croinndhruididh. 31 Fear-ruith ann an codhail fir-ruithe greasaidh gu luath, agus teachdaire ’n codhail teachdaire, a dh’ innseadh do righ Bhabiloin gu do ghlacadh a chaithir aig gach ceann; 32 Agus tha na sligheachan air an glacadh, agus a’ chuilceach loisg iad le teine, ’s tha na fir-chogaidh air am bualadh le h-oillt. 33 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil, Tha nighean Bhabiloin mar urlar-bualaidh; am a bualaidh, fathasd tiota beag, agus thig e, am a gearraidh. 34 Dh’ith Nebuchadnesar righ Bhabiloin asuas sinn, chaith e sinn, rinn e sinn ’nar soitheach falamh; shluig e suas sinn, mar dhragon; lion e bhrù; o’r n-ionad aoibhinn thilg e mach sinn. 35 Gu robh an t-ainneart a rinneadh ormsa ’s air m’ fheoil air Babilon, their fear-àiteachaidh Shioin; agus gu robh m’ fhuil-sa air luchd-àiteachaidh Chaldea, their Ierusalem. 36 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah, Feuch, tagraidh mise do chùis, is ni mi dioghaltas air do shon; agus tiormaichidh mi suas a fairge, ’s ni mi a mathair-usge tioram. 37 Agus bidh Babilon ’na carnaibh, ’na h-ionad-comhnuidh dhragon, ’na h-uamhas agus ’na ball-sgeig, gun aon ’ga h-àiteachadh. 38 Beucaidh iad le cheile mar leomhannaibh: sgreadaidh iad mar chuileanaibh leomhann. 39 ’Nan teas bheir mise deoch dhoibh, agus cuiridh mi air mhisg iad, a chum as gu dean iad gairdeachas, agus gu caidil iad cadal siorruith, agus nach dùisg iad, arsa Iehobhah. 40 Bheir mi nuas iad mar uain a chum an àir, mar reitheachan leis na gabhraibh firionn. 41 Cionnus a ghlacadh Sesac! is cionnus a rinneadh greim air cliu an domhain uile! cionnus a dh’fhàs Babilon ’na h-uabhas am measg nan cinneach! 42 Thainig an fhairge nios air Babilon: tha i air a comhdachadh le lionmhoireachd a tonnan. [TD 179] IEREMIAH. CAIB. LI. 43 Tha a bailtean ’nam fàsaich, ’nam fearann tioram is ’nan làraich sgaoilte; talamh anns nach eil’ duin’ a chomhnuidh, ni mò theid mac duine rompa. 44 Agus bheir mise breitheanus air Bel ann am Babilon, agus bheir mi mach as a bheul an ni sin a shluig e, ’s cha chruinnich na cinnich an ceann a cheile chuige ni’s mò; thuit fòs balla Bhabiloin. 45 Rachaibhse ’mach as a a meadhon, O mo shluagh-sa, agus tearnaibh gach aon anam, o chorruich ghairg Iehobhah. 46 Agus na biodh ’ur cridhe meat, ni mò bhios eagal oirbh roimh an iomradh a chluinnear anns an fhearann: oir thig an t-iomradh air bliadhna, ’s air an ath-bhliadhna ’na dheigh sin thig iomradh, agus ainneart anns an fhearann, uachdaran an aghaidh uachdarain. 47 ’Na dheigh sin, feuch, tha na laithean a’ teachd, anns an dean mise breitheanas air dealbhan snaighte Bhabiloin, is cuirear gu h-amhluadh a fearann uile, agus tuitidh a mairbh gu leir ’na meadhon. 48 Agus togaidh na neamha ’s an talamh iolach os cionn Bhabiloin, agus na h-uile ta annta: an uair a thig an luchd-creachaidh ’na h-aghaidh o’n airde tuath, deir Iehobhah. 49 Oir thug Babilon air muinntir chlaoidhte Israeil tuiteam; oir aig Babilon thuit muinntir chlaoidhte an domhain uile. 50 Sibhs’ a chaidh as o’n chlaidheamh, imichibh roimhibh, na fanuibh ’nur seasamh: cuimhnichibh Iehobhah o chéin, agus thigeadh Ierusalem ’nur n-aire. 51 Bha sinn fo amhluadh a chionn gu cuala sinn mi-chliu, chomhdaich nàire ar n-aghaidh; oir thainig coimhich a steach do ionada naomha tighe Iehobhah. 52 Uime sin feuch, tha na laithean a’teachd, deir Iehobhah, anns an dean mise breitheanas air a dealbhan snaighte, ’s feadh a fearainn uile bidh acain nan daoine leonta. 53 Ge d’ eireadh Babilon a suas gu ruig na neamha, ’s ge do dhaighnicheadh i gu h-ard a neart, uamsa thig luchd-creachaidh da h-ionnsuidh, deir Iehobhah. 54 Fuaim, éigheach o Bhabilon, is leir-sgrios mor o thìr nan Caldeach. 55 Oir mhill Iehobhah Babilon, agus bhàsaich a mor-fharum ’na meadhon; ge do bha a fuaim mar thoirm uisgeacha mora, ge b’ard a dh’eirich a farum. 56 A chionn gu d’ thainig ’na h-aghaidh, an aghaidh Bhabiloin fear-millidh; agus glacar a laoich, is theid gach aon d’an boghachan a bhristeadh; oir Dia nan luigheachd, Iehobhah bheir gu cinnteach luigheachd dh’ise. 57 Agus cuiridh mise air mhisg a prionnsachan agus a daoine glice, a cinn-fheadhna, agus a h-uachdarain, agus a daoine cumhachdach: agus caidlidh iad cadal bith-bhuan, is cha duisg iad tuille, deir an Righ, d’ an ainm Iehobhah Dia nan sluagh. 58 Mar so deir Tighearna nan sluagh, Bristear gu tur ballacha [TD 180] IEREMIAH. CAIB. LII. leathna Bhabiloin, agus loisgear a geatachan arda le teine; agus saothairichidh na slòigh gu ro-dhian, agus na cinnich le dàmhair theine, gus an d’ thoir iad thairis le sgìos. 59 ¶ Am focal a dh’àithn Ieremiah am fàidh do Sheraiah mac Neriah, mhic Mhaaseiah, ’nuair a chaidh e le Sedeciah righ Iudah gu Babilon, anns a’ cheathramh bliadhna d’ a linn: oir chaidh Seraiah an sin le tìolac. 60 Agus scriobh Ieremiah na h-uile olc a bha ri teachd air Babilon ann an aon leabhar, na briathran so uile ta air an scriobhadh mu thimchioll Bhabiloin. 61 Agus thuirt Ieremiah ri Seraiah, ’Nuair a thig thu gu Babilon, agus a chi, agus a leughas tu na briathran so uile: 62 An sin their thu; O Thighearna, labhair thu ’n aghaidh an àite so, gu ghearradh as, air chor as nach bi neach a chomhnuidh ann, aon chuid duine no ainmhidh, ach gu bi e fàs gu siorruith. 63 Agus tarlaidh ’nuair a sguireas tu do leughadh an leabhair so, gu ceangail thu clach ris, agus tilgidh tu e ann am meadhon Euphrateis. 64 Agus their thu, Mar so theid Babilon fuidhe, is cha’n eirich i ni ’s mò, do bhrigh an uilc a bheir mise oirre. An fhad so briathran Ieremiah. CAIB. LII. BHA Sedeciah bliadhna thar fhichead a dh’ aois, an uair a thòisich e ri rioghachadh, agus rioghaich e aon bhliadhna deug ann an Ierusalem; agus b’ e ainm a mhathar Hamutal nighean Ieremiah o Libnah. 2 Agus rinn e an ni sin a bha olc ann an sùilibh an Tighearna, do reir gach ni a rinn Iehoiacim. 3 Oir trìd feirg’ an Tighearna tharladh mar sin ann an Ierusalem is ann an Iudah, gus an do thilg e iad a mach as fhianuis: agus rinn Sedeciah ar a mach an aghaidh righ Bhabiloin. 4 Agus tharladh anns an naoitheamh bliadhna d’ a linn, anns an deicheamh mios, air an deicheamh [là] do ’n mhios, gu d’thainig Nebuchadnesar righ Bhabiloin, e fein agus uile fheachd, an aghaidh Ierusaleim, agus shuidhich iad campa ’na h-aghaidh, agus thog iad daighnichean ’na h-aghaidh air gach taobh. 5 Mar sin bha a’ chaithir air a teannachadh gu aona bhliadhna deug righ Shedeciah. 6 Agus anns a’ cheathramh mìos, air an naoitheamh [là] do ’n mhìos, bha a’ ghorta trom anns a’ chaithir, is cha robh aran air bith aig muinntir na tìre. 7 An sin bha a’ chaithir air a bristeadh a sios, agus theich na fir-chogaidh uile, ’s chaidh iad a mach as a’ chaithir feadh na h-oidhche, air slighe a’gheataidh eadar an da bhalla, a bha aig lios an righ, (an uair a bha na Caldeich aig a’ chaithir timchioll mu ’n cuairt,) agus dh’imich iad air slighe a’chomhnaird. 8 Ach lean feachd nan Caldeach air tòir an righ, agus rug iad air Sedeciah ann an comhnardaibh Iericho, agus bha fheachd uile air an sgapadh uaith. [TD 181] IEREMIAH. CAIB. LII. 9 Agus ghlac iad an righ, agus thug iad a suas e gu righ Bhabiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait; far an d’thug e breitheanas air. 10 Agus mharbh righ Bhabiloin mic Shedeciah fa chomhair a shùl: mharbh e mar an ceudna uile cheannardan Iudah ann an Riblah. 11 Agus chuir e mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhruidhean e, agus thug righ Bhabiloin leis e gu Babilon, agus chuir e ann am priosun e gu là a bhàis. 12 Agus anns a’ chuigeamh mìos, air an deicheamh [là] do ’n mhios (b’i sin naoitheamh bliadhna deug linn Nebuchadnesar righ Bhabiloin,) thainig Nebusaradan ceannard an fhreiceadain, a fhritheil do righ Bhabiloin, gu Ierusalem, 13 Agus loisg e tigh an Tighearna, agus tigh an righ; agus uile thighean Ierusaleim, eadhon h-uile tigh mor loisg e le teine. 14 Agus bhrist uile fheachd nan Caldeach, a bha le ceannard an fhreiceadain, ballachan Ierusaleim asios air gach taobh. 15 Agus cuid do bhochdaibh an t-sluaigh, agus fuigheall an t-sluaigh a dh’ fhan anns a’ chaithir, agus iadsan a theich thairis gu righ Bhabiloin, agus a’ chuid eile do ’n t-sluagh, thug Nebusaradan ceannard an fhreiceadain air falbh ’nam braighdibh. 16 Ach cuid do bhochdaibh an fhearainn dh’ fhàg Nebusaradan ceannard an fhreiceadain gu bhi ’nan saoithrichean fhineamhna, agus ’nan treabhaichean. 17 Agus na puist phraise a bha ’n tigh an Tighearna, agus na buinn, agus an fhairge phraise a bha’n tigh an Tighearna, bhrist na Caldeich, is thug iad am prais uile gu Babilon. 18 Na coireachan fòs, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na cuachan, agus na liadhan, agus na h-uile shoithichean umha, leis an do fhritheil iad, thug iad air falbh. 19 Agus na soithichean-ionnlaid, agus na h-aighnean-teine, agus na cuachan, agus na coireachan, agus na coinnleirean, agus na liadhan, agus na copain, a’chuid a bha do òr ’na òr; agus a’ chuid a bha do airgiod ’na airgiod, thug ceannard an fhreiceadain air falbh. 20 An dà phost, an aon fhairge, ’s an dà tharbh dheug umha, a bha fo na bonnaibh a rinn righ Solamh airson tighe an Tighearna; cha robh tomhas air umha nan soithichean so uile. 21 Do thaobh nam post, b’e airde gach aona phuist ochd lamh-choille deug, agus dheanadh sreang dà lamh-choille dheug a thomhas mu’n cuairt, agus b’e thiuighead ceathair oirlich, fàs a stigh. 22 Agus bha coron prais’ air, is b’e cuig lamh-choille airde gach aona choroin, le lion-obair is ubhlaibh granait air na coronaibh mu’n cuairt, an t-iomlan do phrais; air a’ phost eile mar an ceudna bha ubhla granait cosmhuil riu so. 23 Agus bha sea-deug is ceathair fichead ubhla granait air aon taobh, ceud ubhla granait air an lion-obair uile mu’n cuairt. 24 Agus thug ceannard an fhreiceadain leis Seraiah an t-ard- [TD 182] IEREMIAH. CAIB. LII. shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na tri dorsairean. 25 Thug e fòs as a’ chaithir caillteanach air an robh cùram nam fear-cogaidh, agus seachd fir dhiubhsan a bha dlù do phearsaidh an righ, a fhuaradh anns a’ chaithir, agus ard-sgriobhuiche ’n t-sluaigh, a ghabh àireamh muinntir an fhearainn, agus tri fichead fear do mhuinntir an fhearainn, a fhuaradh ann am meadhon a’ bhaile; 26 Ghabh eadhon Nebusaradan ceannard an fhreiceadain iad, agus thug e iad a chum righ Bhabiloin gu Riblah. 27 Agus bhuail righ Bhabiloin iad agus chuir e gu bàs iad ann an Riblah, ann am fearann Hamait; agus thug e Iudah air falbh ann am bruid as fhearann fein. 28 So an sluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am bruid anns an t-seachdamh bliadhna, tri mìle Iudhach, agus tri thar fhichead. 29 Ann an ochdamh bliadhna deug Nebuchadnesair thug e air falbh ann am bruid o Ierusalem, ochd ceud anam agus a dhà dheug thar fhichead. 30 Ann an treas bliadhna fichead Nebuchadnesair, thug Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain air falbh ann am bruid do na h-Iudhaich seachd ceud dà fhichead agus cuig anam: b’iad na h-anaman uile ceathair mìle agus sea ceud. 31 Agus tharladh anns an t-seachdamh bliadhna deug thar fhichead do bhraighdeanas Iehoiacim righ Iudah, anns an dara mìos deug, air a’ chuigeamh [là] fichead do ’n mhìos, gu do thog Ebhil-merodach righ Bhabiloin, anns a’ cheud bhliadhna d’a linn, asuas ceann Iehoiacim righ Iudah, agus thug e mach a priosun e, 32 Agus labhair e gu caomhail ris, agus chuir e a chathair os cionn chathracha nan righrean a bha leis ann am Babilon. 33 Agus dh’ atharruich e a chulaidh-phriosuin: agus dh’ ith e aran ’na fhianuis do ghnàth, fad uile laithean a bheatha. 34 Agus air son a lòin lathail, thugadh dha o righ Bhabiloin, gach aon latha cuibhrionn, gu là a bhàis, fad uile làithean a bheatha. [TD 183] TUIREADH IEREMIAH. CAIB. I. CIA uaigneach ata i’na suidhe, a’ chaithir a bha làn do dhaoinibh! cionnus a dh’ fhàs i mar bhantraich! Ise bha mòr am measg nan cinneach, agus ’na h-uachdaran am measg nan dùchanna, cionnus a ta i air teachd fo chìs! 2 Tha i ri gul gu geur anns an oidhche, ’s a deoir air a gruaidhean; fear-cofhurtachd air bith cha’n ’eil aice a measg a h-uile luchd-gaoil; bhuin a cairdean uile gu fealltach rithe, dh’fhàs iad ’nan naimhdean di. 3 Dh’ imich Iudah air falbh am am braighdeanas; ann an an-shocair is ann an daorsa mhoir tha i chomhnuidh measg nan cinneach, cha ’n ’eil i faotainn suaimhneis air bith; rug a luchd-ruagaidh uil’ orra eadar na cunglaichean. 4 Tha ròidean Shioin ri bròn, a chionn nach ’eil aon neach a’ teachd a chum na h-ard-fhéille; tha a geatachan uile fàs; tha a sagairt ag acain; tha a h-òighean fo leon, agus tha i fein ann an searbhadas. 5 Is iad a h-eas-cairdean a tha ’n uachdar, tha a naimhdean a’ soirbheachadh; oir leòn Iehobhah i, air son lionmhoireachd a lochdan; dh’ fhalbh a clann am braighdeanas fa chomhair an namhaid. 6 Agus dhealuich a sgiamh uile ri nighin Shioin; tha a prionnsachan air fàs mar fheidh nach ’eil a’ faotainn ionaltraidh air bith; agus dh’ imich iad gun neart roimh an fhear-ruaige. 7 Chuimhnich Ierusalem ann an laithibh a h-amhghair, agus a truaighe, air a h-uile nithe solasach a bha aice anns na laithibh o shean; an tra thuit a daoine ann an laimh an namhaid, is nach d’ rinn neach a cuideachadh, chunnaic na naimhdean, is rinn iad fanoid air a sàbaidean. 8 Pheacaich Ierusalem gu trom; air an aobhar sin tha i air a h-atharrachadh: iadsan uile thug urram dh’i tha iad ri tàir orra, chionn gu facadh iad a lomnochdaiche; seadh, tha ise fein ri caoidh, agus a’ tionndadh air a h-ais. 9 Bha a salchar ’na sgiortaibh, cha robh i cuimhneach air a crìch dheireannaich; uime sin thugadh i nuas gu h-iongantach; cha’n ’eil fear-cofhurtachd air bith aice: amhairc, O Iehobhah, air m’ àmhghar; oir rinn an nàmhaid mor e. 10 Shìn an nàmhaid a mach a lamh air a h-uile nithe taitneach: gu deimhin chunnaic i cinnich a’ dol a steach d’a h-ionad naomha, do’n d’àithn thusa nach rachadh iad a steach do d’ cho-thional. [TD 184] TUIREADH. CAIB. II. 11 Tha a sluagh uile ag osnaich; tha iad ag iarruidh arain; thug iad an nithe luachmhor air son lòin a chumail beo an anama: feuch, O Iehobhah, agus thoir fanear, mar a ta mi air fàs suarrach. 12 O sibhs’ uile tha gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh, am bheil bròn air bith cosmhuil ri m’ bhròn-sa a thugadh orm, o’n uair an d’ rinn Iehobhah mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge. 13 Os an aird chuir e teine, ’s thug e air dol a steach do m’ chnàmha; sgaoil e lion air son mo chas; phill e mi air m’ais: rinn e fàs mi, fad an là ri caoidh. 14 Tha a’ chuing air a ceangal; tha mo lochdan air an sniomh le a laimhsan, tha iad air an càradh mu’m mhuineal; thug e air mo threise tuiteam, thug an Tighearna thairis mi d’an lamhan, cha’n urra mi eirigh suas. 15 Shaltair an Tighearna fo chois m’ uile dhaoine cumhachdach ann am mheadhon: ghairm e co-thional am aghaidh a bhruthadh mo dhaoine òga, mar ann an amar-bruthaidh fiona bhrùth an Tighearna an òigh nighean Iudah. 16 Airson nan nithe so guileam, tha mo shuil, mo shuil a’ sileadh a sios le h-uisge, chionn gu bheil am fear-cofhurtachd, a bheireadh fuasgladh do m’ anam, fada uam: tha mo chlann uaigneach, a chionn gu d’thug an namhaid buaidh. 17 Tha Sion a’ sgaoileadh a mach a lamh, cha’n ’eil neach ann a thoirt d’i co-fhurtachd; dh’àithn an Tighearna do thaobh Iacoib, a naimhdean a bhi air gach taobh mu’n cuairt da; tha Ierusalem ’nam measg mar aon a chuireadh air leth mar neo-ghlan. 18 Is ceart Iehobhah, oir chathaich mis’ an aghaidh aitheantan: eisdibh, guidheam oirbh, a shloigh gu leir, agus faicibh mo bhròn: m’ òighean agus m’ òganaich dh’ fhalbh ann am braighdeanus. 19 Ghairm mi air mo leannain, ach mheall iad mi; thug mo shagairt agus mo sheanairean asuas an deo anns a’ chaithir, am feadh a dh’iarr iad am biadh gu cobhair air an anam. 20 Feuch O Thighearna, mar a ta mi ann an teinn; tha mo chom fo thrioblaid, tha mo chridhe air tionndadh an taobh a stigh dhiom; oir chiontaich mi gu h-antromach: a muigh claidheamh a’ sgrios, a stigh tha amhuil bàs. 21 Chual’ iad mar a rinn mi acain, ach neach a thoirt dhomh co-fhurtachd cha robh ann; chuala mo naimhdean uile m’amhghar, rinn iad gairdeachas a chionn gu d’rinn thusa sin, bheir thus’ an là a ghairm thu, ’s bidh iadsan cosmhuil riumsa. 22 Thigeadh an aingeachd uile fa d’chomhair; agus dean riu, mar a rinn thu riumsa air son m’uile lochdan: oir tha m’osnaichean lionmhor, agus mo chridhe lag. CAIB. II. CIONNUS a tharruing an Tighearna ’na chorruich neul air nighean Shioin! a thilg e sios o neamh gu talamh maise Israeil; agus cha do chuimhnich e stòl a choise ann an latha fheirge! [TD 185] TUIREADH. CAIB. II. 2 Shluig an Tighearna suas uil’ àiteacha-comhnuidh Iacoib, is cha do ghabh e truas: thilg e sios ’na chorruich daighnichean làidir nighine Iudah: thug e nuas gu làr iad, thruaill e’n rioghachd agus a daoine urramach. 3 Ghearr e mach ’na dhian-fheirg adharc Israeil uile: tharruing e air a h-ais a lamh dheas o aghaidh an namhaid; agus loisg e ’n aghaidh Iacoib mar theine lasrach a loisgeas air gach taobh. 4 Lùb e bhogha mar namhaid, thog e’n aird a lamh dheas mar eas-caraid, agus mharbh e na h-uile òganach a bha taitneach do’n t-sùil; ann am pailliunn nighine Shioin thaom e mach a chorruich mar theine. 5 Bha an Tighearna mar namhaid: shluig e suas Israel, shluig e suas àrois uile; sgrios e a dhaighnichean laidir, agus mheudaich e ann an nighin Iudah bròn agus cumha. 6 Agus sgaoil e as a cheile a phailliunn, mar challaid; sgrios e a cho-thional fein: leig Iehobhah as aire ann an Sion an ard-fhéill agus an t-sàbaid; agus rinn e tàir ann an teas a chorruich air an righ agus air an t-sagart. 7 Chuir an Tighearna air cùl altair, ghabh e gràin d’a naomh-ionad; thug e suas ballachan a h-àrois do laimh an eas-caraid; rinn iad gàir an tigh an Tighearna, mar ann an là ard-fheille. 8 Ghabh an Tighearna rùn ballachan nighine Shioin a mhilleadh; shìn e mach sreang, cha do chum e a lamh o mhilleadh: ach thug e air an daighneach is air a’ bhalla caoidh; shearg iad as le cheile. 9 Tha a geatachan air dol a sios anns an talamh; mhill agus bhrist e a croinn-dhruididh; tha a righrean agus a h-uachdarain am measg nan cinneach; an lagh cha’n ’eil ann; aig a fàidhean fòs cha’n ’eil sealladh air bith o Iehobhah. 10 Tha seanoirean nighine Shioin ’nan suidhe air an làr, tha iad ’nan tosd; chuir iad duslach air an cinn: chrioslaich iad iad fein le sac-éideadh; òighean Ierusaleim a’ cromadh asios an cinn gu làr. 11 Tha mo shùilean air failneachadh le deuraibh; tha mo chom fo thrioblaid; dhòirteadh mo sgamhan air an talamh air son leir-sgrios nighine mo shluaigh; a chionn gu bheil a’ chlann bheag is na naoidhein a’ fannachadh ann an sràidibh na caithreach. 12 Ri ’m maithrichibh a deir iad, C’àit am bheil arbhar agus fion? an tra tha iad a’ failneachadh mar dhaoine leonta ann an sràidibh a’ bhaile, tra tha an anam air a dhortadh a mach ann an uchd am mathar. 13 Ciod an cosamhlachd a ghabhas mi do d’ thaobh? ciod an ni shamhluicheas mi riut, O a nighean Ierusaleim? ciod a choimeasas mi riut, a chum gu d’thugainn co-fhurtachd dhuit, O òigh-nighean Shioin? oir tha do bhristeadh mor mar an fhairge; cò dh’fheudas do leigheas? 14 Chunnaic t’fhàidhean nithe diomhain agus amaideach air do shon, is cha do leig iad ris d’ ea-ceairt, a chum do bhruid a philleadh air a h-ais; ach chunnaic iad air do shon fàisneachd neo-fhirinneach, agus aobhar fògraidh. 15 Tha mheud as a ta gabh- [TD 186] TUIREADH. CAIB. III. ail seachad a’ bualadh am bas riut; tha iad ri sgeig-fhiacal agus a’ crathadh an cinn ri nighean Ierusaleim, [ag radh,] An i so a’ chaithir ri ’n goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile? 16 Dh’fhosgail do naimhdean uile am beul a d’ aghaidh: rinn iad sgeig is griosgan fhiacla; thubhairt iad, Shluig sinn a suas i; gu cinnteach is e so an là ri ’n robh ar sùil: fhuair sinn e, chunnaic sinn e. 17 Rinn Iehobhah an ni sin a dhealbh e; choilion e fhocal, a dh’àithn e anns na laithibh o shean: thilg e sios, is cha do ghabh e truas; ach thug e air namhaid gairdeachas a dheanamh tharad, dh’ardaich e adharc do naimhdean. 18 Dh’ éigh an cridhe, Ann an lathair an Tighearna, O a nighean Shioin, sileadh deoir a sios mar shruth a latha ’s a dh’oidhche: na toir dhuit fein suaimhneas air bith, na gabhadh cloch do shùl fois. 19 Eirich, glaodh a mach anns an oidhche: ann an tùs na faire dòirt a mach do chridhe mar uisge fa chomhair gnùise Iehobhah: tog a suas do lamhan d’a ionnsuidh, air son anama do chloinne òige, ta fàilneachadh le h-acras aig ceann gach aon sràide. 20 Feuch, O Thighearna, ’s thoir fainear co ris a bhuin thu mar so: an ith na mnathan toradh na bronn, naoidheana maotha? am marbhar an sagart is am fàidh ann an ionad naomh an Tighearna. 21 Luidh an t-òg agus an sean air an làr anns na sràidibh, tha m’ òighean agus m’ òganaich air tuiteam, leis a’ chlaidheamh mharbh thu [iad;] ann an là do chorruich mharbh thu, cha do ghabh thu truas. 22 Ghairm thu mar air là suidhichte, iadsan a bha ’nan coigrich dhomh air gach taobh, air chor as air là feirge Iehobhah, nach robh neach ann a chaidh as, no mhair beo: a’ mhuinntir a dh’oil agus a dh’àraich mi chuir mo namhaid as doibh. CAIB. III. IS mise an duine a chunnaic amhghar le slait a chorruich. 2 Stiur e mi, agus thug e orm gluasad ann an dorchadas, agus ni h-ann an solus. 3 Eadhon a rìs tha e pilleadh a laimhe air a h-ais ann am aghaidh, feadh an là gu h-iomlan. 4 M’ fheoil agus mo chraicionn rinn e sean, bhrist e mo chnàmhan. 5 Thog e ann am aghaidh, agus chuairtich e mi le domblas agus le saothair. 6 Chuir e mi chomhnuidh ann an ionadaibh dorcha, mar iadsan a ta cian marbh. 7 Chuairtich e mi le gàrradh air gach taobh, air chor as nach feud mi teachd a mach; rinn e mo shlabhraidh trom. 8 Mar an ceudna, tra ghlaodhas agus a dh’ eigheas mi, tha e druideadh a mach m’urnaigh. 9 Dhruid e suas mo shlighe le clachaibh snaighte: rinn e cam mo cheuma. 10 Mar mhathghamhuinn a’ luidhe ’m folach bha e dhomh, [mar] leomhann ann an ionadaibh uaigneach. 11 Thionndaidh e gu m’ ra- [TD 187] TUIREADH. CAIB. III. thad, agus reub e mi am bhloighdibh: rinn e mi am aonaran. 12 Lùb e bhogha, ’s chuir e mise mar chomharadh air son na saigdhde. 13 Thug e air saighdean a dhorlaich dol a steach ann am airnibh. 14 Bha mi ann am chuis-mhagaidh do m’ shluagh uile, ann am òran doibh fad an là. 15 Lion e mi le searbhadas, chuir e air mhisg mi le searbh-luibhean. 16 Bhrist e m’ fhiacla fòs le clachaibh gainmhiche, chomhdaich e mi le luaithre. 17 Agus dh’ atharruich thu m’ anam am fad o shìth; dhi-chuimhnich mi soirbheachadh. 18 Agus thubhairt mi, Tha mo spionnadh is mo dhochas air bàsachadh o’n Tighearna. 19 Tha cuimhneachadh mo dhunaigh is mo thruaighe, ’na shearbhadas agus ’na dhomblas. 20 Tha m’ anam fathasd g’an cuimhneachadh, agus air irisleachadh an taobh a stigh dhiom. 21 Tha mi gairm so a rìs gu m’ aire; uime sin tha dochas agam. 22 Is ann do throcairibh an Tighearna nach ’eil sinn air ar caitheadh, a chionn nach ’eil failinn air a throcairibh; 23 Tha iad nuadh gach aon mhadain, is mor do dhìlseachd! 24 Is e Iehobhah mo chuibhrionn, thubhairt m’ anam; uime sin cuiridh mi ann mo dhochas. 25 Tha Iehobhah maith do ’n droing a dh’ fheitheas air, do ’n anam a dh’ iarras e. 26 Is maith bhi ann an dochas, agus feitheamh gu fòil ri slàinte o Iehobhah. 27 Is maith do dhuine a’ chuing a ghiulan ’na òige; 28 Suidheadh e ’na aonar is biodh e ’na thosd, an uair a ta e ’ga giulan. 29 Cuireadh e bheul anns an duslach, ma ’s teagamh gu bi ann dochas. 30 Thugadh e a ghial do ’n ti bhuaileas e, biodh e air a lionadh làn do mhasladh. 31 Oir cha tilg an Tighearna uaith [a sheirbhisich] gu bràth; 32 Ach ge d’ smachduich e le bròn, gidheadh bidh iochd aige do reir lionmhoireachd a throcairean. 33 Oir cha chlaoidh e d’a dheoin, ni mò chràidheas e clann nan daoine. 34 Priosunaich na talmhainn uile a’ bhruthadh fo chasaibh, 35 Còir duine thionndadh a leth-taobh, fa chomhair gnùise an Ti a ’s airde, 36 Eucoir a dheanamh air duine ’na chùis, cha taitneach leis an Tighearna. 37 Cò esan a their, is gu d’ thig e gu crìch, an uair nach àithn an Tighearna. 38 Nach ann o ordugh an Ti a’s ro-airde a thig olc agus maith? 39 Com’ an dean duine beo gearan, duine air son claoidh a pheacaidh? 40 Rannsaicheamaid agus dearbhamaid ar sligheacha, agus pilleamaid a rìs ris an Tighearna. 41 Togamaid a suas ar cridhe maille ri ’r lamhan ri Dia anns na neamhaibh. 42 Pheacaich sinne ’s rinn sinn ar a mach, is cha do mhaith thusa. [TD 188] TUIREADH. CAIB. IV. 43 Chuairtich thu le feirg, agus gheur-lean thu sinn; mharbh thu, cha do ghabh thu truas. 44 Chomhdaich thu thu-fein le neul, ionnus nach rachadh urnaigh roimhe. 45 ’Nar salchar, agus ’nar diu rinn thu sinn ann am measg an t-sluaigh. 46 Dh’ fhosgail ar naimhdan uile am beul ’nar n-aghaidh. 47 Thainig eagal agus rib oirn, fàsalachd agus milleadh. 48 Tha mo shùil a’ sileadh a sios le sruthaibh uisge, air son leir-sgrios nighine mo shluaigh. 49 Tha mo shùil a’ sileadh a sios gun chasgadh, agus gun sgur air bith: 50 Gus an seall an Tighearna nuas, agus an amhairc e o neamh. 51 Tha mo shùil a’ cur doilgheis air mo chridhe, air son uile nigheana mo chaithreach. 52 Ruaig mo naimhdean mi gu geur, mar eun, gun aobhar. 53 Ghearr iad as anns a’ phriosun m’ anam, agus chuir iad clach tharam. 54 Chaidh uisgeachan thar mo cheann mar thuil; thubhairt mi, Tha mi air mo ghearradh as. 55 Ghairm mi air d’ainm-sa, O Iehobhah, as an t-slochd iochdrach. 56 Chuala tu mo ghuth, na cum do chluas o m’ achuinge air son cobhair. 57 Tharruing thu ’m fagus anns an là san do ghairm mi ort: thubhairt thu, Na biodh eagal ort. 58 Thagair thusa, O Tighearna, cùisean m’ anama, shaor thu mo bheatha. 59 Chunnaic thusa, O Thighearna, m’ àmhghar; cum thusa rium còir. 60 Chunnaic thu an uile dhioghaltas, an uile innleachdan ann am aghaidh. 61 Chuala tu am masladh, O Thighearna, an uile innleachdan ann am aghaidh; 62 Bilidh na droinge dh’ eirich a suas am aghaidh, agus am borbhanaich ann am aghaidh fad an là. 63 Feuch an suidhe sios agus an eirigh suas, is mise an ceol. 64 Bheir thusa luigheachd dhoibh, O Thighearna, do reir oibre an lamh. 65 Bheir thu doilghios cridhe dhoibh, ni thu am mallachadh. 66 Ruaigidh tu ann am feirg, agus sgriosaidh tu, a chum nach bi iad fo neamha Iehobhah. CAIB. IV. CIONNUS a thainig smal air an òr! a chaochail an t-òr ro-fhinealta! tha clachan an naomh-ionaid air an tilgeadh a mach air mullach gach aon sràide! 2 Mic luachmhor Shioin, a dh’ fheudta choimeas ri òr finealta, cionnus a mheasar iad mar shoithichean criadha, obair a’ chriadhadair! A 3 Tairngidh eadhon na dragoin a mach am brollach, bheir iad a’ chìoch d’an àlach: tha nighean mo shluaigh-sa an-iochdmhor, mar na h-oistrice san fhàsaich. 4 Tha teanga naoidhein na cìche a’ leantuinn ri ghial le tart: tha chlann òg ag iarruidh arain; cha’n ’eil aon ’ga bhriste dhoibh. 5 Tha iadsan aig an robh biadh sòghail ’nan aonarain anns na sràidibh; iadsan a thogadh [TD 189] TUIREADH. CAIB. IV. asuas ann an scarlaid, tha iad ag iadhadh an lamh mu’n òtrach. 6 Seadh tha peanas aingeachd nighine mo shluaigh-sa ni’s mò na peanas peacaidh Shodoim, a thilgeadh bun os cionn ri tiota, ’s air nach d’thainig laigse lamh. 7 Bha a h-uaislean ni bughlaine na sneachda; bu ghile iad na bainne; bu deirge iad sa’ chorp na ruiteachain; bha an dreach mar shaphir. 8 Is duibhe an gnùis na gual; cha’n aithnichear iad anns na sràidibh; tha an craicionn a’leantuinn ri’n cnàmhan; tha e air fàs mar mhaide. 9 Is fearr dhoibhsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh na dhoibhsan a mharbhar le gort; oir tha iad sin air an sàthadh trìd, a’ siubhal air falbh air thoiseach air toradh na machrach. 10 Bhruich lamha nam ban iochdmhor an clann fein; b’ iad am biadh, ann an leir-sgrios nighine mo shluaigh. 11 Choilion an Tighearna a chorruich, thaom e mach a dhian-fhearg, agus las e teine ann an Sion, is loisg e sin a bunaite. 12 Cha chreideadh righrean na talmhainn, no uile luchd-àiteachaidh an domhain, gu rachadh an t-eas-caraid is an namhaid a steach air geatachan Ierusaleim. 13 Airson pheacanna a fàidhean, agus aingeachdan a sagart, a dhòirt fuil nam firean ’na meadhon; 14 Chaidh iad air seachran mar dhaoine dall anns na sràidibh, shalaich iad iad fein le fuil, air chor as nach feudadh daoine beantuinn ri’n eudaichibh. 15 Imichibh, tha sibh neo-ghlan, thuirt daoine riu; imichibh, imichibh, na beanaibh: seadh theich iad, dh’ fhalbh iad; thubhairt iad am measg nan cinneach, Cha ghabh iad comhnuidh an so ni’s mò. 16 Rinn fearg an Tighearna an sgaoileadh, cha chuir e ni’s mò ann an suim iad: cha robh meas ac’ air pearsannaibh nan sagart, ris na seanairibh cha do chum iad bàigh. 17 Am feadh a bha sinn ann, dh’fhàilnich ar sùilean ag amharc ri cobhair dhiomhain: am feadh a rinn sinn faire, bha ar sùil ri cinneach nach b’ urradh tearnadh. 18 Lorgaich iad ar ceuma, air chor as nach feudamaid imeachd ’nar sràidibh: tha ar crioch dlù, tha ar làithean air an coilionadh, seadh thainig ar crioch. 19 Bu luaithe ar luchd-leanmhuinn na iolairean neimhe; ruaig iad sinn air na sleibhtibh, luidh iad am folach air ar son anns an fhàsaich. 20 Ghlacadh ’nan slochdaibh anail ar cuinneana, tì ungta Iehobhah, mu’n dubhairt sinn, Fuidh a sgaile mairidh sinn beo am measg nan cinneach. 21 Dean gairdeachas agus bi ait, O a nighean Edoim, aig am bheil do chomhnuidh ann am fearann Uis; theid an cupan thairis fòs chugadsa; bithidh tu air mhisg, is leigidh tu ris do lomnochduich. 22 Tha peanas d’ea-ceairt air a choilionadh, O anighean Shioin, cha toir e n’is mò air falbh ann am bruid thu: smachdaichidh e [TD 190] TUIREADH. CAIB. V. d’ ea-ceairt-sa, O a nighean Edoim, leigidh e ris do lochdan. CAIB. V. CUIMHNICH, O Iehobhah, ciod a thainig oirn: thoir fanear, agus faic ar masladh. 2 Thugadh thairis ar n-oighreachd gu coimhich, ar tighean gu coigrich. 3 Tha sinn ’nar dilleachdan, agus gun athair; ar maithrichean mar bhanntrachaibh. 4 Dh’ òl sinn ar n-uisge air son airgid, tha ar coille air a reic ruinn. 5 Le cuing ar muineil tha sinn air ar sior-leon; tha sinn a’ saoithreachadh, is gun fhois air bith againn. 6 Thug sinn an lamh do na h-Eiphitich, is do na h-Asirianaich, a chum a bhi air ar sàsuchadh le h-aran. 7 Pheacaich ar n-aithrichean, is cha’n ’eil iad ann; agus ghiulain sinne an ea-ceairtean. 8 Bha seirbhisich ’nan uachdarain oirn: cha’n ’eil duine sam bith ann a shaoras o’n làmhan. 9 Fhuair sinn ar n-aran le cunthart ar n-anama, do bhrìgh claidheimh na fàsaiche. 10 Bha ar craicionn dubh mar àmhuinn, do bhrìgh na gorta uabhasaiche. 11 Dh’ éignich iad na mna than ann an Sion, na maighdeanan ann an caithrichibh Iudah. 12 Bha prionnsachan air an crochadh a suas le’n laimh: cha d’thug iad urram do aghaidh nan aosda. 13 Ghabh iad na h òganaich gu meileadh, is thuit a’ chlann fo’n chonnadh. 14 Threig na seanairean an geata, na h-òganaich an ceol. 15 Sguir aoibhneas ar cridhe, chaochail ar dannsa gu bròn. 16 Thuit an coron bharr ar cinn: mo thruaighe sinne! chionn gu do pheacaich sinn. 17 Air son so tha ar cridhe lag, air son nan nithe so tha ar sùilean droch-leirsneach. 8 Air son sleibhe Shioin ata fàs; tha na sionnaich a’ coiseachd air. 19 Ach tha thusa, O Iehobhah, mairtheannach gu siorruith; do chathair rioghail o linn gu linn. 20 Com’ an dean thu dearmad oirn gu brath, is am bheil thu ’gar treigsinn ùine co fhada? 21 Pill sinne chugad, O Thighearna, agus bithidh sinn air ar pilleadh: nuadhaich ar laithean mar o shean, 22 An deigh dhuit ar tilgeadh cian fada uait; oir bha thu ro-fheargach ’nar n-aghaidh. [TD 191] ESECIEL. AGUS tharladh anns an deicheamh bliadhna fichead, anns a’ cheathramh [mios,] air a’ chuigeamh [là] do ’n mhios, (air dhomhsa bhi measg nam braighdean aig taobh aibhne Chebair,) gu d’ fhosgladh na neamha, agus chunnaic mi taisbeana Dhe. 7 Air a’ chuigeamh [là] do ’n mhios, (b’ i sin an cuigeamh bliadhna do bhruid righ Iehoiacin,) 3 Thainig focal an Tighearna gu Eseciel an sagart, mac Bhusi, ann an tìr nan Caldeach, aig uisge Chebair, agus airsan anns an àite sin bha lamh Iehobhah. 4 Agus feuch, ’nuair a bha mi ’g amharc, ghiulain gaoth neartmhor neul mor o’n airde tuath, a bha air a chuartachadh le filltean teine, ’s iad a’ dealradh air gach taobh dheth; agus’na mheadhon bha amhuil dreach òmair, eadhon ann am meadhon an teine. 5 A mach as a mheadhon mar an ceudna [thainig] cosalachd cheathair ainmhidhean, agus b’ e so an aogus; Bha iad ann am meudachd duine, 6 Agus bha ceathair aghaidhean aig gach aon diubh, agus ceathair sgiathan aig gach aon diubh. 7 Agus bha an casan dìreach, is bha bonn an cas mar bhonn coise laoigh, agus loinnrich iad mar dhath praise liomhta. 8 Agus bha lamhan duine fui’n sgiathaibh air an ceathair taobha, agus bha aig a’ cheathair an aghaidhean agus an sgiathan. 9 Bha an sgiathan dlùthaichte gach aon r’a cheile; cha do thionndaidh iad ’nuair a ghluais iad, chaidh iad air an aghaidh gach aon dìreach roimhe. 10 Air son coslais an aghaidhean, bha aca ’nan ceathrar aghaidh duine, agus aghaidh leomhainn air an taobh deas, agus bha aca ’nan ceathrar aghaidh daimh air an taobh chlì: bha fòs aca ’nan ceathrar aghaidh iolarach. 11 B’ amhuil so an aghaidhean: agus an sgiathan sgaoilte gu h-ard; dithis aig gach aon dlùthaichte r’a cheile, agus dithis a’ folach an cuirp. 12 Agus dh’ imich iad gach aon dìreach air aghaidh; far an robh an spiorad air tì dol, dh’ imich iad: agus cha do thionndaidh iad ’nuair a dh’ imich iad. 13 Do thaobh coslais nan ainmhidh, bha an aogus mar eibhle dearga teine, cosmhuil ri taisbeanadh lochran, a chaidh air ais agus air aghaidh am measg nan ainmhidhean: àgus bha ’n teine [TD 192] ESECIEL. CAIB. II. dealrach; agus as an teine thainig a mach dealanach. 14 Agus ruith na h-ainmhidhean, agus phill iad, mar fhoillseacha platha dealanaich. 15 A nis am feadh a bha mi sealltuinn air na h-ainmhidhean, feuch, aon roth air an talamh laimh ris na h-ainmhidhean, aig an ceathair aghaidhean. 16 Bha dreach nan rothan agus an obair mar dhreach criostail; agus bha ’n aona choslas aig a’ cheathair, agus bha an aogus agus an obair mar gu biodh ann roth ann am meadhon rotha. 17 Air an ceathair taobha, ’nuair a dh’ fhalbh iad, dh’ imich iad: cha do thionndaidh iad ’nuair a dh’ imich iad. 18 Do thaobh an cearcal, bha iad co ard as gu b’uabhasach iad, agus bha an cearcalla làn do shuilibh mu ’n cuairt doibh ’nan ceathrar. 19 Agus an uair a ghluais na h-ainmhidhean, ghluais na rothan laimh riu: agus an uair a thogadh na h-ainmhidhean asuas o ’n talamh, thogadh na rothan. 20 C’ àit air bith a bha ’n spiorad air tì dol, dh’ imich iadsan, agus thogadh asuas na rothan fa ’n comhair; oir bha spiorad an ainmhidh anns na rothaibh. 21 Nuair a ghluais iad sin, ghluais [iad so,] agus ’nuair a sheas iad sin, sheas [iad so,] agus ’nuair a thogadh iad sin a suas o ’n talamh, thogadh na rothan asuas fa ’n comhair; oir bha spiorad an ainmhidh anns na rothaibh. 22 Agus bha aogus an speur a bha thar cinn an ainmhidh mar dhreach criostail uabhasaich, air a sgaoileadh thar an cinn gu h-ard. 23 Agus fuidh an speur bha an sgiathan gu dìreach, gach aon fa comhair a cheile; aig gach aon bha dithis, a dh’ fholuich air an taobh so, ’s aig gach aon bha dithis a dh’ fholuich air an taobh sin, an cuirp. 24 Agus chuala mi fuaim an sgiathan, mar thoirm mhoran uisgeacha, mar ghuth an Uile-chumhachdaich; an uair a ghluais iad, chluinnte fuaim mar thorman sluaigh; tra sheas iad, leig iad sios an sgiathan. 25 Agus bha guth o ’n speur, a bha thar an cinn, tra sheas iad, [agus] a leig iad sios an sgiathan. 26 Agus os cionn an speur a bha thar an cinn, bha samhla rì-chathrach, mar choslas cloiche sapheir; agusair samhla na ri-chathrach bha coslas mar thaisbeanadh duine ’na shuidhe air. 27 Agus chunnaic mi mar dhreach òmair, mar choslas teine air gach taobh astigh ann: o thaisbeanadh a leasraidh agus os a chionn, agus o thaisbeanadh a leasraidh agus fuidhe, chunnaic mi mar gu biodh ann coslas teine, agus e dealrach mu ’n cuairt. 28 Mar choslas a’ bhogha ta san neul ann an là na froise, b’ amhuil dreach an dealraidh mu ’n cuairt. CAIB. II. B’ E so foillseachadh samhlaidh gloire Iehobhah; agus ’nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’ aghaidh, agus chuala mi guth aon a’labhairt, agus ag radh n rium, A mhic an duine, seas air do chasaibh, agus labhraidh mise riut. 2 Agus chaidh an spiorad a steach annam an uair a labhair e rium, agus chuir e air mo chasaibh [TD 193] ESECIEL. CAIB. III. CAIB. III. mi, ionus gu cuala mi an ti a labhair rium. 3 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, tha mise ga d’ chur gu cloinn Israeil, gu cinneach ceannairceach a rinn aramach ann am aghaidh; chiontaich iad fein agus an aithrichean ann am aghaidh, gus an là an diugh. 4 Oir is clann mhi-nàrach agus chruaidh-chridheach iad: tha mise ga d’ chur d’ an ionnsuidh, agus their thu riu, Mar so deir an Tighearna Dia. 5 Agus iadsan, ma dh’ eisdeas iad, no ma dhearmaideas iad, (oir is tigh ceannairceach iad,) gidheadh bidh fios aca gu robh fàidh ’nam measg. 6 Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort rompa, ’s na biodh fiamh ort roimh am briathra, ge d’ tha dreasan agus droighionn mu ’n cuairt duit, agus do chomhnuidh ann am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort roimh am briathra, ni mò bhios geilt ort roimh an gnùis, ge d’ is tigh ceannairceach iad. 7 Agus labhraidh tu mo bhriathra-sa riu, co ac’ a dh’ eisdeas iad, no dhearmaideas iad, oir tha iad ro-cheannairceach. 8 Ach thusa, a mhic an duine, cluinn ciod a deir mise riut, Na bi thusa eas-umhal, cosmhuil ris an tigh eas-umhal sin: fosgail do bheul, agus ith an ni bheir mise dhuit. 9 Agus ’nuair a dh’ amhairc mi, feuch, bha lamh air a cur do m’ ionnsuidh, agus feuch, bha rola leabhair innte. 10 Agus sgaoil e fa m’ choinneamh e, ’s bha e sgriobhta a stigh agus a mach; agus bha sgriobhta ann tuireadh, agus bròn, agus truaighe. CAIB. III. OS barr thuirt e rium, A mhic an duine, ith an ni gheibh thu; ith an rola so, agus falbh, labhair ri tigh Israeil. 2 Mar sin dh’fhosgail mi mo bheul, is thug e orm an rola sin itheadh. 3 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, thoir air do bhroinn itheadh, agus lion do chom leis an rola so a bheireamsa dhuit. An sin dh’ith mi, agus bha e ann mo bheul mar mhil air mhillsead. 4 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, falbh, imich gu tigh Israeil, agus labhair le m’bhriathraibh-sa riu. 5 Oir cha’n ’eil thu air do chur gu sluagh aig am bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, [ach] gu tigh Israeil. 6 Cha’n ann gu moran sluaigh, aig am bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, nach urradh thu ’m briathran a thuigsinn: gu cinnteach nan cuirinn chuca sin thu, dh’eisdeadh iad riut. 7 Ach cha’n eisd tigh Israeil riut, oir cha’n eisd iad riumsa; oir tha tigh Israeil uile mi-nàrach agus cruaidh-chridheach. 8 Feuch, rinn mi do ghnùis laidir an aghaidh an gnùise-san, agus d’eudann làidir an aghaidh an eudainn-san. 9 Mar adamant, ni’s cruaidhe na cloich-theine, rinn mise d’eudann: na biodh eagal ort rompa, ’s na biodh sgàth ort roimh an gnùis, ge do tha iad ’nan tigh ceannairceach. 10 Os barr thuirt e rium, A mhic an duine, gabh ann ad chridhe m’uile bhriathra-sa, a labhras mi riut, agus eisd le d’chluasaibh. [TD 194] ESECIEL. CAIB. III. 11 Agus falbh, imich chuca-san a ta ann am bruid, gu cloinn do shluaigh, agus labhair riu, agus innis doibh, Mar so deir an Tighearna Dia, co ac’ a dh’eisdeas iad, no nach eisd. 12 An sin thog an spiorad a suas mi, agus chuala mi air mo dheigh guth tormain mhoir, [ag radh,] Beannuichte gu robh gloir Iehobhah o àite fein. 13 [Chuala mi] fos fuaim sgiath nan ainmhidhean a bhean r’a cheile, agus fuaim nan roth thall mu’n coinneamh, agus fuaim luasgaidh mhoir. 14 An sin thog an spiorad a suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhus, ann an teas mo spioraid, ach bha lamh an Tighearna treun orm. 15 ¶ An sin thainig mi chuca-san a bha ’nam braighdibh aig Tel-abib, a bha chomhnuidh laimh ri abhainn Chebair, agus shuidh mi far an do shuidh iadsan, agus dh’ fhan mi ’n sin seachd làithean, làn uabhais ’nam meadhon. 16 Agus tharladh an ceann sheachd làithean, gu d’ thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh, ag radh, 17 A mhic an duine, rinn mise fear-faire dhiot do thigh Israeil: uime sin eisd am focal o ’m bheul, is thoir dhoibh rabhadh uamsa. 18 ’Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bas, agus nach toir thusa rabhadh dha, ’s nach labhair thu thoirt rabhaidh do ’n chiontach o dhroch shlighe, chum anam a thearnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin ’na aingeachd, ach iarruidh mise fhuil air do laimh-sa. 19 Gidheadh ma bheir thu rabhadh do’n aingidh, agus nach pill e o aingeachd, no o dhroch shlighe, bàsaichidh esan ’na aingeachd; ach shaor thusa d’anam fein. 20 A rìs, an uair a philleas firean o fhireantachd, agus a chuireas e ’n gniomh peacadh, agus a chuireas mise sgrios fa chomhair, gheibh e bàs; a chionn nach d’ thug thusa dha rabhadh, ’na pheacadh gheibh e bàs, agus cha chuimhnichear fhireantachd a rinn e; ach iarruidh mise fhuil air do laimh-sa. 21 Gidheadh, ma bheir thu rabhadh do’n fhirean, air chor as nach ciontaich am firean, is nach dean e peacadh; mairidh e gu cinnteach beo, do bhrigh gu d’fhuair e rabhadh; mar an ceudna shaor thusa d’anam fein. 22 Agus bha lamh an Tighearna orm an sin, agus thuirt e rium; Eirich, siubhail a mach do ’n chomhnard, agus an sin labhraidh mise riut. 23 An sin dh’eirich mi, agus chaidh mi mach a chum a’chomhnaird, agus feuch, sheas gloir Iehobhah san àite sin, mar a’ ghloir a chunnaic mi aig abhainn Chebair; agus thuit mi air m’aghaidh. 24 An sin chaidh an spiorad annam, agus chuir e air mo chasaibh mi, agus labhair e rium, agus thuirt e rium; Falbh, druid thu fein a stigh ann ad thigh. 25 Ach thusa, O mhic an duine, feuch, cuiridh iad boinn ort, agus ceanglaidh iad thu leo, ’s cha d’theid thu mach ’nam measg. 26 Agus bheir mise air do theangaidh leantuinn ri d’ ghial, [TD 195] ESECIEL. CAIB. IV. air chor as gu bi thu balbh, agus nach bi thu dhoibh a’ d’fhear-cronachaidh; oir tha iad ’nan tigh ceannaireach. 27 Ach an uair a labhras mise riut, fosglaidh mi do bheul, agus their thu riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Esan a dh’eisdeas, eisdeadh e; agus esan a dhearmaideas, dearmaideadh e: oir tha iad ’nan tigh ceannairceach. CAIB. IV. THUSA mar an ceudna, a mhic an duine, gabh chugad leac-shuaine, ’s leag fa d’chomhair i, agus tarruing oirre am baile, Ierusalem. 2 Agus cuairtich e le feachd, agus tog ’na aghaidh daighneach, agus tilg a suas torr ’na aghaidh: suidhich fòs campa ’na aghaidh, agus cuir reitheacha-cogaidh ’na aghaidh air gach taobh mu’n cuairt. 3 A thuille air so, gabh chugad aoghann iaruinn, agus suidhich e mar bhalladh iaruinn eadar thu ’s am baile, agus cuir do ghnùis ’na aghaidh, agus bidh e air a theannachadh, agus cuiridh tu campa ’na aghaidh: bidh so na chomhara do thigh Israeil. 4 Luidh thusa fòs air do thaobh clì, agus leag ea-ceairt tighe Israeil air: do reir àireimh nan làithean a luidheas tu air, giulainidh tu an ea-ceairt. 5 Oir leag mis’ ortsa bliadhnachan an ea-ceairtean, do reir àireimh nan làithean, trì cheud deich agus ceathair fichead là: mar sin giulainidh tu ea-ceairt tighe Israeil. 6 Agus ’nuair a choilionas tu iad, luidh a rìs air do thaobh deas, agus giulainidh tu ea-ceairt tighe Iudah da fhichead là: dh’orduich mise dhuit gach là air son bliadhna. 7 Uime sin cuiridh tu d’ aghaidh ri seisdeadh Ierusaleim, agus bidh do ghairdean air a rùsgadh, agus ni thu fàisneachd ’na aghaidh. 8 Agus feuch, cuiridh mise cuibhrichean ort, agus cha tionndaidh thu thu fein o ’n aon taobh gus an taobh eile, gus an criochnaich thu làithean do shèisdidh. 9 Gabh chugad fòs cruineachd, agus eorna, agus pònair, agus peasair, agus meanbh-pheasair, agus peasair-fhiadhain, agus cuir iad ann an aon soitheach, agus dean duit fein aran diubh, do reir àireimh nan làithean a luidheas tu air do thaobh; tri cheud ceathair fichead agus deich làithean ithidh tu dheth. 10 Agus is e so cothrom do bhìdh a dh’itheas tu, fichead secel anns an latha: o am gu h-am ithidh tu e. 11 Olaidh tu mar an ceudna uisge le tomhas; an sèathamh cuid do hin: o am gu h-am olaidh tu. 12 Agus ithidh tu e mar arain eorna, ’s le aolach a thig a mach a duine deasaichidh tu e ’nan sealladh. 13 Agus thuirt an Tighearna, Eadhon mar so ithidh clann Israeil an aran truailte measg nan cinneach, gus an iomain mis’ iad. 14 An sin thuirt mise, Ah a Thighearna Dhia, feuch, cha do thruailleadh m’ anam-sa: oir o m’òige nios gus a nis cha d’ ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fein, no bha ’na chonablach, ni mò thainig am feoil ghràineil ann am bheul. [TD 196] ESECIEL. CAIB. V. 15 An sin thuirt e rium, Feuch, thug mi dhuitbuachar bhò ann an àite aolaich duine, agus deasaichidh tu d’aran leis. 16 Os barr, thuirt e rium, A mhic an duine, feuch, bristidh mise lorg an arain ann an Ierusalem, agus ithidh iad aran le cothrom is le curam, agus òlaidh iad uisge le tomhas is le h-uabhas. 17 A chum gu bi uireasbhuidh arain agus uisg’ orra, agus gu bi uabhas orra aon le cheile, agus gu leagh iad air falbh air son an ea-ceairt. CAIB. V. AGUS thusa, a mhic an duine, gabh chugad sgian gheur, gabh chugad ealtuinn bearradair, agus thoir oirre siubhal air do cheann, agus air d’ fheusaig; an sin gabh meigh thomhais, a roinn [an fhuilt.] 2 Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tra bhios làithean an t-seisdidh air an coilionadh; agus gabhaidh tu trian, [agus] buailidh tu m’a thimchioll le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tairngidh mise mach claidheamh ’nan diaigh. 3 Gabhaidh tu mar an ceudna dhiubh beagan ann an àireamh, agus ceanglaidh tu iad ann ad sgiortaibh. 4 An sin gabh dhiubh a rìs, agus tilg iad ann am meadhon an teine, agus loisg iad anns an teine; as sin thig teine mach gu tigh Israeil uile. 5 Mar so deir an Tighearna Dia, Is i so Ierusalem; chuir mis’ i ann am meadhon nan cinneach is nan dùchanna mu ’n cuairt d’i. 6 Oir dh’ atharruich i mo bhreitheanuis gu aingeachd ni’s mò na na cinnich; agus mo reachdan ni’s mò na na dùchanna mu ’n cuairt d’i: oir dhiult iad mo bhreitheanuis; agus mo reachdan, cha do ghluais iad annta. 7 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Chionn gu d ’fhàs sibh lionmhor seach na cinnich mu’n cuairt duibh, is nach do ghluais sibh ann am reachdaibh-sa, ni mò choimhid sibh mo bhreitheanuis, ni mò rinn sibh eadhon do reir breitheanuis nan cinneach mu’n cuairt duibh. 8 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise, eadhon mis’ a’ d’ aghaidh, agus ni mi breitheanuis ann ad mheadhon, ann an sealladh nan cinneach. 9 Agus ni mi annad an ni sin nach d’rinn mi, ’s nach dean mi ni ’s mò cosmhuil ris, air son d’uile ghràinealachdan. 10 Uime sin ithidh na h-aithrichean am mic ann ad mheadhon, agus ithidh na mic an aithrichean; agus ni mise breitheanuis annad, agus sgapaidh mi an t-iomlan do d’ fhuigheall anns gach uile ghaoith. 11 Air an aobhar sin, mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, Gu deimhin a chionn gu do thruaill thu m’ ionad naomha le d’ uile nithibh fuathach, agus le d’ uile ghrainealachdaibh, uime sin lughdaichidh mise thu mar an ceudna, ’s cha choigil mo shùil, ni mò bhios truas air bith agam. 12 Bàsaichidh trian diot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mu ’n cuairt duit; agus sgapaidh mise trian anns na h-uile ghaoth- [TD 197] ESECIEL. CAIB. VI. aibh, agus tairngidh mi mach claidheamh ’nan diaigh. 13 Mar so coilionar mo chorruich, agus bheir mi air mo dhian-fheirg fuireach orra, agus bheir mi dhomh fein fois: agus bidh fios aca gur mise Iehobhah a labhair ann am eud, an tra choilionas mi orra mo dhian-chorruich. 14 A thuill’ air so, ni mi dhiot fàsach agus masladh am measg nan cinneach mu’n cuairt duit, ann an sealladh na h-uile theid seachad. 15 Agus bithidh tu ann ad mhasladh is ann ad mhagadh, ann ad theagasg is ann ad uabhas, do na cinnich mu’n cuairt duit, an tra ni mise breitheanais annad, ann am feirg is ann an corruich, is ann an garg achasain: mise Iehobhah labhair. 16 An tra chuireas mi orra droch shaighde na gorta bhios airson sgrios, a chuireas mise gu’r sgrios: meudaichidh mi fòs a’ ghort oirbh, agus bristidh mi lorg ’ur n-arain. 17 Mar sin cuiridh mi oirbh gort agus droch-bheathaichean, agus ni iad uireasbhach thu: agus siubhlaidh plàigh agus fuil romhad, agus bheir mise ort an claidheamh; mise Iehobhah labhair. CAIB. VI. AGUS thainig focal an Tighearna do m ionnsuidh-sa ag radh, 2 A mhic an duine, cuir d’ aghaidh ri sleibhtean Israeil, agus dean fàisneachd ’nan aghaidh, 3 Agus abair, Sibhs’ a shleibhtean Israeil, cluinnibh focal an Tighearna Dia, Mar so deir an Tighearna Dia ris na sleibhtibh agus ris na cnocaibh, ris na sruthaibh agus ris na gleannaibh, Feuch, bheir mise, mise fein claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ’ur n-ionadan arda. 4 Agus bidh ’ur n-altairean fàs, agus ’ur dealbhan air am bristeadh: agus tilgidh mise sios ’ur daoine marbhta fa chomhair ’ur n-iodhola. 5 Agus leagaidh mi cuirp mharbha chloinne Israeil fa chomhair an iodhola, agus sgapaidh mi ’ur cnàmhan o cheile mu thimchioll ’ur n-altairean. 6 Ann ’ur n-uile àiteachaibh-comhnuidh, nithear na bailtean fàs, agus bidh na h-ionadan arda faondrach, air choir as gu bi ’ur n-altairean fàs agus uaigneach, agus gu d’thig bristeadh agus cosgadh air ’ur n-iodhalaibh, is gu glanar as ’ur n-oibre. 7 Agus tuitidh iadsan a bhios leonta ’nur meadhon, is bidh fios agaibh gur mise Iehobhah. 8 Gidheadh fàgaidh mi fuigheall, air chor as gu bi agaibh cuid a theid as o’n chlaidheamh am measg nan cinneach, an tra bhios sibh air ’ur sgapadh am measg nan dùchannan. 9 Agus cuimhnichidh meud dhibh as a theid as mise, ann am measg nan cinneach gus an d’ thoirear iad ’nam braighdean, an tra chìosnaicheas mise an cridhe striopachail a dhealuich rium, agus an suilean a ta dol air striopachas an diaigh an iodholan; agus bidh gràin aca dhiubh fein airson nan olc a chuir iad an gniomh ’nan uile ghràinealachdaibh. 10 Agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’s nach ann an [TD 198] ESECIEL. CAIB. VII. diomhain a thubhairt mi gu deanainn an t-olc so orra. 11 Mar so deir an Tighearna Dia, Buail le d’ laimh, agus breab le d’ chois, agus abair, Mo thruaighe! airson uile dhroch ghràinealachdan tighe Israeil: oir tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, is leis a’ phlàigh. 12 Esan a ta fad as bàsaichidh leis a’ phlàigh, agus esan a tha dlù tuitidh leis a’ chlaidheamh, agus esan a mhaireas, agus a ta air a sheisdeadh, bàsaichidh leis a’ ghort: mar so coilionaidh mise mo chorruich orra. 13 An sin bidh fios agaibh gur mise Iehobhah, an tra bhios an daoine marbhta, measg an iodhola, mu’n cuairt air an altairean, air gach aon chnoc ard, air uile mhullachaibh nan sliabh, agus fo gach uile chrann uaine, ’s fo gach daraig gheugaich; an t-àite san d’ thug iad boltrach cubhraidh do’n iodhalaibh uile. 14 Mar sin sìnidh mise mach mo lamh orra, ’s ni mi am fearann fàs, seadh ni ’s uaigniche na fàsach Dhiblait, ’nan uile ionadaibh comhnuidh; agus bidh fios aca gur mi Iehobhah. CAIB. VII. OS barr thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 2 Fòs a mhic an duine abair, Mar so deir an Tighearna Dia ri fearann Israeil; Thainig crioch, thainig crioch air ceathair chearnaibh na tìre. 3 A nis [thainig] crioch art, agus cuiridh mise mo chorruich ort, agus bheir mi breith ort a a reir do shlighe, agus diolaidh mi riut d’ uile ghràinealachdan. 4 Agus cha choigil mo shùil thu, ni mò bhios truas agam, ach diolaidh mi riut do shlighe, ’s bidh do ghràinealachdan ann ad mheadhon; agus bidh fios agaibh gur mise Iehobhah. 5 Mar so deir an Tighearna Dia; Feuch, tha olc an deigh uilc a’ teachd. 6 Tha crioch air teachd, thainig a’ chrioch, tha i ri faire air do shon, feuch thainig i. 7 Thainig uamhunn ort, O thus’ a dh’ àiticheas an tìr: thainig an t-am, tha là an amhghair dlù, is cha ’n e ath-fhreagradh nan sliabh. 8 A nis gu gairid dòirtidh mi mach, agus coilionadh mi mo chorruich ort: agus bheir mi breith ort a reir do shlighe, agus diolaidh mi riut d’ uile ghràinealachdan. 9 Agus cha choigil mo shùil, ni mò bhios truas agam: diolaidh mi riut a reir do shlighe ’s do ghràinealachdan ann ad mheadhon; agus bidh fios agaibh gur mis’ an Tighearna ta bualadh. 10 Feuch an là, feuch, thainig e, chaidh a’ mhadain a mach, thainig blàth air an t-slait, ceud-fhas air an uabhar. 11 Dh’ fhas ain-neart a suas gu slait aingeachd: cha [mhair] aon diubh, no da ’n sluagh, no aon a bhuineas doibh, ni mò bhios cumha sam bith air an son. 12 Thainig an t-am, tha an là a’ teachd am fagus, na deanadh am fear-reice gairdeachas, no am fear-ceannuich bròn: oir thuit fearg air a mor-chuideachd uile. 13 Oir cha phill am fear-reice ris an ni sin a reiceadh, agus am measg nam beo cha bhi na cumhnantan a ni iad air an daighneachadh; oir cha toir am faicill air an [TD 199] ESECIEL. CAIB. VIII. storas pilleadh; neach air bith a ni cumhnanta ’na aingeachd, cha bhi air a dhaighneachadh. 14 Shéid iad an trompaid, eadhon a chum na h-uile dheanamh deas, ach neach air bith cha’n ’eil a’ dol chum a’ chatha: oir tha m’ fhearg-sa air a mor-chuideachd uile. 15 Tha an claidheamh a muigh, agus a’ phlàigh is a’ ghort a stigh: esan a ta sa’ mhachair bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh; agus esan a ta sa’ bhaile ni gort agus plàigh itheadh a suas. 16 Ach iadsan a theid as diubh, theid as, agus bidh iad air na sleibhtibh mar cholumain chaoiranach, iad uil’ a’ caoidh, gach aon diubh air son aingeachd fein. 17 Bidh na h-uile lamhan lag, is bidh na h-uile ghlùinean anfhann mar uisge. 18 Criosluichidh iad fòs iad fein le eudach faic, is ni uabhas an comhdachadh, is bidh naire air na h-uile aghaidh, agus air an-cinn uile bidh maoile. 19 Tilgidh iad an airgiod anns na sràidibh, agus atharruichear an òr: cha bhi an airgiod agus an òr comasach air an saoradh ann an là feirge Iehobhah: cha sàsuich iad an anama, ni mò lionas iad an com: a chionn gu toir an aingeachd sgrios orra. 20 A chionn gu d’ rinn iad dheth éideadh aillidh agus sgiamhach, leis an do sgeaduich iad dealbhan gràineil an nithe fuathach, uime sin bheir mise fanear gu buinear e uatha. 21 Agus bheir mi e do lamhaibh nan coimheach mar chabhartach, agus do chiontaich na talmhainn mar chreich, agus ni iadsan a thruailleadh. 22 Pillidh mi fòs m’ aghaidh uatha, agus bidh m’ ionnas air a thruailleadh; oir theid an luchdspùinnidh a steach ann agus truaillidh iad e. 23 Dean slabhruidh; oir tha am fearann làn do chiontaibh fuilteach, is tha a’ chaithir làn do ain-neart. 24 Uime sin bheir mise a’ chuid is measa do na cinnich, agus sealbhuichidh iad an tighean: cuiridh mi fòs cosgadh air uabhar nan neartmhor, agus truaillear an ionada naomha. 25 Tha leir-sgrios a’ teachd, agus iarruidh iad sìth, ach cha bhi i ann. 26 Thig urchaid air urchaid, agus tuairisgeul air thuairisgeul; an sin iarruidh iad fios air an fhàidh: ach eugaidh an lagh o’n t-sagart, agus comhairle o na seanairibh. 27 Ni an righ caoidh, is bidh am prionnsadh air éideadh le leir-sgrios, is bidh lamhan sluaigh na tìre fo gheilt: ni mise riu do reir an slighe, agus do reir an toillteanais bheir mi breith orra, ’s bidh fios aca gur mi Iehobhah. CAIB. VIII. AGUS tharladh anns an t-seathamh bliadhna, annsan t-seathamh [mios,] anns a’ chuigeamh [là] do ’n mhios, mar a shuidh mi ann am thigh, agus seanairean Iudah ’nan suidhe mu ’m chomhair, gu do thuit orm an sin làmh an Tighearna Dia. 2 An sin dh’ amhairc mi, agus feuch cosalachd mar shamhla duine; o thaisbeanadh a leasraidh agus fuidhe mar theine: agus o leasraidh agus os a chionn, mar [TD 200] ESECIEL. CAIB. VIII. thaisbeanadh dealanaiche, mar dhath òmair. 3 Agus chuir e mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual do m’ cheann, agus thog an spiorad asuas mi eadar talamh agus neamh, agus thug e mi ann am foillseachaibh Dhe gu Ierusalem, gu dorus a’ gheata ’s faide ’steach, a ta ’g amharc ris an airde tuath, far an robh àite iomhaigh an eud, a bhrosnuicheas gu eud. 4 Agus feuch, bha gloir Dhe Israeil an sin, do reir an t-seallaidh a chunnaic mi anns a’ chomhnard. 5 An sin thuirt e rium, A mhic an duine, tog suas do shùilean a nis ri slighe na h-airde tuath: is amhluidh thog mi suas mo shùilean ri slighe na h-airde tuath, agus feuch, mu thuath aig geata na h-altrach, iomhaigh so an eud anns an dol a steach. 6 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, am faic thu ciod ata iad a’ deanamh? na gràinealachda mora tha tigh Israeil a’ cur an gniomh an so, a chum gu rachainns’ am fad om’ naomh-ionad? ach pill fathasd, chi thu gràinealachdan a’s mò. 7 Agus thug e mi gu dorus na cùirte; agus an uair a dh’ amhairc mi, feuch, toll anns a’ bhalla. 8 An sin thuirt e rium, A mhic an duine, cladhaich a nis anns a’ bhalla: agus ’nuair a chladhaich mi anns a’ bhalla, feuch dorus. 9 Agus thuirt e rium, Imich a steach, agus feuch na gràinealachdan aingidh a ta iad a’ deanamh an so. 10 Mar sin chaidh mi steach agus chunnaic mi, agus feuch uile chosalachda gach ni shnàgas, is gach beathaich ghràineil, is uile iodholan tighe Israeil air an tarruing air a’ bhalla, gach taobh mu ’n cuairt. 11 Agus sheas ’nan lathair deich is trì fichead fear do sheanairibh tighe Israeil, agus ’nam meadhon sheas Iaasaniah mac Shaphain, gach fear le thùiseir ’na laimh, is neul tiugh tùis’ a’ dol suas. 12 An sin thuirt e rium, A mhic an duine, am faca tu ciod a tha seanairean tighe Israeil a’ deanamh anns an dorcha, gach fear ann an seomraichibh iomhaigheachd fein? oir a deir iad, cha ’n ’eil an Tighearna ’gar faicinn, threig an Tighearna an talamh. 13 Thuirt e rium mar an ceudna, Pill fòs a rìs, chi thu gràinealachdan a ’s mò a ta iad a’ deanamh. 14 An sin thug e mi gu dorus geataidh tighe Iehobhah, a bha ris an airde tuath, agus feuch, an sin shuidh mnài a’ gul airson Thamuis. 15 An sin thuirt e rium, Am faca tu so, a mhic an duine? pill fòs a rìs, chi thu gràinealachda ni ’s mò na iad so. 16 Agus thug e mi do ’n chùirt is faide ’steach do thigh an Tighearna, agus feuch, aig dorus teampuill an Tighearna, eadar an sgàth-thigh ’s an altair, tuaiream cuig fir fhichead, le ’n cùlaobh ri teampull an Tighearna, ’s an aghaidh ris an aird’ an ear, agus iad ag aoradh do ’n ghrein ris an aird’ an ear. 17 An sin thuirt e rium, Am faca tu, O mhic an duine? An ni faoin do thigh Iudah a bhi deanamh nan gràinealachdan a ta [TD 201] ESECIEL. CAIB. IX. iad a’ deanamh an so? oir lion iad an tìr le ain-neart, is phill iad do m’bhrosnucha-sa chum feirge; agus feuch chuir iad breun-bholadh ri m’ shròin. 18 Uime sin buinidh mise riu-san fòs ann am feirg: cha choigil mo shùil, ni mò bhios truas agam: is ge d’ eigh iad ann am chluasaibh le guth ard, gidheadh cha chluinn mi iad. CAIB. IX. GHLAODH e fòs ann am chluasaibh le guth ard, ag radh, Thoir air uachdarain a’ bhaile teachd am fagus, eadhon gach duine le arm-sgriosaidh fein ’na laimh. 2 Agus feuch, thainig seisear fhear o shlighe a’ gheataidh a ’s airde, ta ’g amharc ris an airde tuath, agus aig gach fear inneal-sgrios fein ’na laimh: agus bha aon fhear ’nam measg air éideadh le lion-eudach, agus acfuinn-sgriobhaidh cleirich air a leis, agus chaidh iad asteach agus sheas iad ri taobh na h-altrach umha. 3 Agus dh’ eirich gloir Dhe Israeil asuas bharr a cheruib air an robh e, gu stairsneach an tighe, agus ghlaodh e ris an duine bha air éideadh leis an lion-eudach, aig an robh an acfuinnsgriobhaidh cleirich r’a thaobh; 4 Agus thuirt an Tighearna ris, Imich roi’ mheadhon a’bhaile, roi’ mheadhon Ierusaleim, is cuir comhara air eudanna na muinntir a ta ’g osnaich, agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a ta air an deanamh ’na meadhon. 5 Agus ri càch thubhairt e ann am eisdeachd, Rachaibhse ’na dheigh-san roimh an bhaile, agus buailibh: na coigleadh ’ur sùil, ni mò bhios truas agaibh. 6 Marbhaibh gu tur an sean agus an t-òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnài; ach na beanaibh ri aon duine air am bheil an comhara: agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na sean daoine bha fa chomhair an tighe. 7 Agus thuirt e riu, Truaillibh an tigh, agus lionaibh na cùirtean leis na marbhaibh; rachaibh a mach: agus chaidh iad a mach, agus mharbh iad anns a’ bhaile. 8 Agus tharladh tra bha iad ’gam marbhadh, is a bha mise air m’ fhagail, gu do thuit mi air m’ aghaidh, agus ghlaodh mi, ag radh, Ah a Tighearna Dhia, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dortadh a mach do dhian-chorruich air Ierusalem? 9 An sin thuirt e rium, Tha aingeachd tighe Israeil agus Iudah an-mhor, agus tha am fearann làn do fhuil, is am baile làn do cheannairc: oir a deir iad, Threig an Tighearna an talamh, is cha ’n ’eil Iehobhah a’ faicinn. 10 Agus air mo shon-sa mar an ceudna, cha choigil mo shuil, ni mò bhios truas agam, diolaidh mi air an ceann an slighe. 11 Agus feuch, dh’ innis am fear a bha sgeadaichte leis an lion-eudach, is aig an robh an acfuinn-sgriobhaidh r’a thaobh, a’ chùis, ag radh, rinn mi amhuil mar a dh’àithn thu dhomh. [TD 202] ESECIEL. CAIB. X. CAIB. X. AN sin dh’ amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan cherubim, thaisbeanadh os an cionn mar gu biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh cosalachd rì-cathrach. 2 Agus labhair e ris an duine bha sgeudaichte leis an lion-eudach, agus thubhairt e, Imich a steach eadar na rothan, fuidh an cherub, agus lion do lamh le eibhle teine eadar na cherubim, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e steach ann am shealladh. 3 A nis sheas na cherubim air taobh deas an tighe, ’nuair a chaidh an duine steach, agus lion an neul a’ chùirt a b’ fhaide stigh. 4 An sin chaidh gloir an Tighearna suas bharr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsnich an tighe, agus lionadh an tigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn do dhealra gloire Iehobhah. 5 Agus chualas fuaim sgiath nan cherub gus a’chùirt a b’ fhaide mach, mar ghuth an De uilechumhachdaich an uair a labhras e. 6 Agus tharladh an tra thug e àithne do ’n duine bha sgeadaichte leis an lion-eudach, ag radh, Glac teine o eadar na rothan, o eadar na cherubim, gu deachaidh e ’n sin a steach, agus sheas e laimh ris na rothaibh. 7 Agus shìn cherub a mach a lamh o eadar na cherubim, agus ghabh e dheth, agus chuir e ’n lamhan an ti bha sgeadaichte leis an lion-eudach e: neach a ghlac e agus a chaidh a mach. 8 Agus chunnacas anns na cherubim cumachd laimhe duine fuidh an sgiathaibh. 9 Agus ’nuair a dh’ amhairc mise, feuch, na ceathair rothan aig taobh nan cherubim, aon roth aig aona cherub, is roth eile aig cherub eile: agus bha dreach nan rothan air dhath cloiche criostail. 10 Agus airson an aoguis, bha’n aona choslas aca ’nan ceathrar, mar gu biodh roth ann am meadhon rotha. 11 ’Nuair a ghluais iad, dh’ imich iad air an ceathair taobhaibh, cha do thionndaidh iad ’nan imeachd, ach ris an àite gus an robh an ceann ag amharc, lean iadsan e; cha do thionndaidh iad ’nuair a dh’ imich iad. 12 Agus bha an corp gu h-iomlan, agus an dromanna, agus an sgiathan, agus na rothan, làn do shuilibh mu ’n cuairt air gach taobh, na rothan a bha aca ’nan ceathrar. 13 Agus ris na rothaibh ghlaodhadh ann am eisdeachd-sa, Ruithibh. 14 Agus bha ceathair eudainn aig gach aon: aghaidh cheruib a’ cheud eudann, agus aghaidh duine an dara eudann, agus aghaidh leomhainn ann treas, agus aghaidh iolarach an ceathramh. 15 Agus thogadh a suas na cherubim; so an t-ainmhidh a chunnaic mise aig sruth Chebair. 16 Agus an uair a ghluais na cherubim, dh’ imich na rothan laimh riu: is ’nuair a thog na cherubim a suas an sgiathan, a chum eiridh suas o’n talamh, cha do thionndaidh na rothan ceudna sin o bhi ’nam fochair. 17 ’Nuair a sheas iad sin, sheas [TD 203] ESECIEL. CAIB. XI. [iad so;] is ’nuair a dh’ eirich iad sin asuas dh’ eirich [iad so;] oir bha spiorad an ainmhidh annta. 18 An sin dh’ imich gloir an Tighearna o stairsnich an tighe, agus sheas i thar na cherubim. 19 Agus thog na cherubim asuas an sgiathan, is chaidh iad asuas o ’n talamh ann am shealladh: an uair a chaidh iad a mach, bha na rothan mar an ceudna laimh riu, agus sheas iad aig dorus geataidh shoir tighe Iehobhah, agus bha gloir Dhe Israeil tharta os an cion. 20 So an t-ainmhidh a chunnaic mi fuidh Dhia Israeil, laimh ri sruth Chebair; agus dh’ aithnich mi gu b’iad na cherubim. 21 Bha ceathair eudainn aig gach aon fa leth, agus aig gach aon bha ceathair sgiathan, is bha coslas lamhan duine fuidh an sgiathan. 22 Agus b’ e cosalachd an aghaidhean na h-aghaidhean ceudna a chunnaic mi aig sruth Chebair, an aogus agus iad fein: dh’ imich iad gach aon dìreach air an aghaidh. CAIB. XI. AGUS thog an spiorad a suas mi agus thug e mi gu geata ’n ear tighe ’n Tighearna ta ’g amharc ris an airde ’n ear: agus feuch, aig dorus a’ gheata cuig fir fhichead: agus chunnaic mi ’nam measg Iaasaniah mac Asuir, agus Pelatiah mac Phenaiah, uachdarain an t-sluaigh. 2 An sin thuirt e rium, A mhic an duine, so na daoine tha dealbh uilc, agus a’ toirt droch comhairle sa’ bhaile so; 3 A ta ’g radh, Cha ’n ’eil e dlù, togamaid tighean: is e [am baile] so an coire, agus sinne an fheoil. 4 Air an aobhar sin dean fàisneachd ’nan aghaidh, dean fàisneachd, a mhic an duine. 5 Agus thuit orm spiorad an Tighearna, ’s thuirt e rium, Abair, Mar so deir Iehobhah, Mar so thubhairt sibh, O thigh Israeil: oir is aithne dhomhsa na nithe tha teachd ’nur n-inntin, gach uile ni dhiubh. 6 Mheudaich sibh ’ur mairbh anns a’chaithir so, agus lion sibh a sràidean leosan a mharbhadh. 7 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, ’Ur mairbh a chuir sibh ’na meadhon, is iadsan an fheoil, agus is i [a’ chaithir] so an coire: ach bheir mise sibh a mach as a meadhon. 8 Bha eagal oirbh roimh an chlaidheamh, is bheir mise claidheamh oirbh, deir an Tighearna Dia. 9 Agus bheir mi sibh a mach as a meadhon, is bheir mi thairis sibh do lamhan choimheach, is ni mi breitheanais ’nur measg. 10 Tuitidh sibh leis a’chlaidheamh, bheir mise breitheanus oirbh ann an iomall Israeil, agus bidh fios agaibh gur mi Iehobhah. 11 Cha’n i [a’chaithir] so bhios ’na coire dhuibh, ni mò bhios sibhse ’na meadhon mar fheoil: ann an iomall Israeil bheir mise breith oirbh. 12 Agus bidh fios agaibh gur mise Iehobhah; oir cha do ghluais sibh ann am reachdaibh, ni mò rinn sibh mo bhreitheanais, ach rinn sibh do reir nòis nan cinneach a ta air gach taobh mu’n cuairt duibh. [TD 204] ESECIEL. CAIB. XII. 13 Agus tharladh an tra rinn mise fàisneachd, gu d’ eug Pelatiah mac Phenaiah: an sin thuit mi sios air m’ aghaidh, agus ghlaodh mi le guth ard, agus thubhairt mi, Ah, a Thighearna Dhia, an dean thu làn-chriochnachadh air iarmad Israeil? 14 A rìs thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh. 15 A mhic an duine, Is iad do bhraithrean, do bhraithrean, fir do bhraighdeanais, agus uile thigh Israeil gu h-iomlan, ris an dubhairt luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Imichibh am fad o’n Tighearna: dhuinne thugadh am fearann so mar sheilbh. 16 Air an aobhar sin abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Ge do thilg mi fada uam iad am measg nan cinneach, is ge do sgap mi iad am measg nan dùchanna, gidheadh bidh mi dhoibh ann am naomh-ionad beag anns na duchannaibh gus an d’thig iad. 17 Uime sin, abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Ni mi eadhon ’ur tional o na cinnich, agus ’ur cruinneachadh as na dùchannaibh anns an robh sibh air ’ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearran Israeil. 18 Agus thig iad da ionnsuidh, agus bheir iad uile nithe fuathach, agus uile ghràinealachdan, air falbh as. 19 Agus bheir mi dhoibh aon chridhe, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a stigh dhiubh; agus bheir mi an cridhe clachach as am feoil, is bheir mi dhoibh cridhe feola: 20 A chum gu gluais iad ann am reachdaibh, is gu coimhid iad m’orduighean, is gu dean iad iad: agus bidh iad ’nam pobull dhomhsa, ’s bidh mis’ am Dhia dhoibhsan. 21 Ach do’n taobhsan a thionndas an cridhe do reir cridhe an nithe fuathach agus an gràinealachda, diolaidh mis’ air an ceann an slighe, deir an Tighearna Dia. 22 An sin thog na cherubim a suas an sgiathan, agus na rothan laimh riu; agus bha gloir Dhia Israeil tharta os an cionn. 23 Agus chaidh gloir an Tighearna suas o mheadhon a’bhaile, agus sheas i air an t-sliabh a ta air an taobh an ear do’n bhaile. 24 ’Na dheigh sin ghlac an spiorad a suas mi, agus thug e mi ann an taibhse le spiorad Dhe gu Caldea, chum nam braighdean: mar sin chaidh an sealladh, a chunnaic mi, suas uam. 25 An sin labhair mi riusan a bh’anns an daoirse, na h-uile nithe a thaisbein an Tighearna dhomh. CAIB. XII. THAINIG focal an Tighearna fòs do m’ionnsuidh-sa, ag radh, 2 A mhic an duine, tha thu chomhnuidh ann am meadhon tighe cheannaircich, aig am bheil sùilean gu faicinn, ach nach ’eil a’faicinn; tha cluasan aca gu cluinntin, ach cha’n eisd iad: oir is tigh ceannairceach iad. 3 Uime sin, a mhic an duine, deasuich dhuit fein airneis air son dol air imrich: agus atharruich anns an là ’nan sealladh, agus atharruichidh tu o d’àite gu àit eile ’nan sealladh; theagamh gu toir iad fanear, ge d’is tigh ceannairceach iad. [TD 205] ESECIEL. CAIB. XII. 4 An sin bheir thu mach d’airneis anns an latha ’nan sealladh, mar airneis air son imrich: agus theid thu mach san anmoch ’nan sealladh, mar iadsan a theid a mach ann am braighdeanas. 5 Cladhaich trìd a’ bhalla ’nan sealladh, agus thoir a mach roimhe sin. 6 ’Nan sealladh giulainidh tu air do ghuaillibh, a’ dol a mach anns an dubh-anmoch: comhdaichidh tu d’aghaidh air chor as nach faic thu an làr: oir chuir mise thu mar chomhara do thigh Israeil. 7 Agus rinn mi ceart mar a dh’ àithneadh dhomh: thug mi mach m’ airneis anns an latha, mar airneis air son braighdeanais, agus anns an anmoch chladhaich mi trìd a’ bhalla le m’laimh; thug mi mach i san dubh-anmoch, agus ghiulain mi air mo ghuaillibh i ’nan sealladh. 8 ¶ Agus air madain thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh ag radh, 9 A mhic an duine, nach dubhairt tigh Israeil, an tigh ceannairceach, riutsa, Ciod a tha thu deanamh? 10 Abair thusa riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Do ’n phrionnsadh ann an Ierusalem [buinidh] an t-uallach so, agus do thigh Israeil a ta ’nam measg. 11 Abair, Is mise bhur coimeas: amhuil a rinn mise, mar sin nithear riu-san: atharruichidh iad, agus theid iad air falbh ann am braighdeanas. 12 Agus am prionnsadh a ta ’nam measg giulainidh e air a ghuaillibh anns an dubh-anmoch, agus theid e mach: cladhaichidh iad trìd a’bhalla, ’s theid esan a mach roimhe: comhdaichidh e aghaidh, air chor as nach faic e ’n làr le shùilibh. 13 Sgaoilidh mise fòs mo lion air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Babilon, gu tìr nan Caldeach; gidheadh cha’n fhaic e i, ge d’ fhaigh e bàs an sin. 14 Agus sgapaidh mi ris gach aona ghaoith na h-uile ta m’a thimchioll gu choghnadh, agus uile bhuidhnichean, agus tairngidh mi mach an claidheamh ’nan deigh. 15 Agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’nuair a sgapas mi iad am measg nan cinneach, agus a sgaoileas mi iad feadh nan dùchannan. 16 Ach fàgaidh mi beagan fhear dhiubh o’n chlaidheamh, o’n ghort, agus o’n phlàigh, a chum gu cuireadh iad an ceill an uile ghràinealachdan am measg nan cinneach gus an tig iad, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah. 17 ¶ Os barr, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 18 A mhic an duine, ith d’aran le crith, agus òl d’ uisge le ball-chrith agus le cùram, 19 Agus abair ri sluagh na tìre, Mar so deir an Tighearna Dia mu thimchioll luchd-àiteachaidh Ierusaieim, [agus] dùcha Israeil, Ithidh iad an aran le cùram, agus òlaidh iad an uisge le h-uabhas, air chor as gu bi am fearann fàs o ’n iomlan a ta ann, air son foirneairt na muinntir sin uile ta chomhnuidh ann. 20 Agus nithear na bailtean ata air an àiteachadh fàs, agus bidh am fearann falamh, agus [TD 206] ESECIEL. CAIB. XIII. aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 21 ¶ Agus thainig focal an Tighearna chugam, ag radh, 22 A mhic an duine, Ciod e an gnà-fhocal sin agaibh ann am fearann Israeil, ag radh, Tha na làithean air an sìneadh, agus dh’ fhàilnich gach uile thaibhse? 23 Innis doibh uime sin, Mar so deir an Tighearna Dia, Bheir mise air a’ ghnà-fhocal so sgur, is cha labhair iad e ni ’s faide mar ghnà-fhocal ann an Israeil: ach abair riu, Tha na làithean aig laimh, agus buil gach aon taibhse. 24 Oir cha bhi ni ’s mò aon taibhse fhaoin, no fàisneachd mhiodalach an taobh a stigh do thigh Israeil. 25 Oir is mise Iehobhah, labhraidh mi, agus am focal a labhras mi thig gu crìch: cha dean e ni ’s faide maille; oir ann’ur laithibh-se, O thigh cheannaircich, their mise am focal, agus ni mi e, deir an Tighearna Dia. 26 A ris thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 27 ¶ A mhic an duine, feuch tha iadsan do thigh Israeil ag radh, Tha ’n taibhse ta e faicinn airson mhoran laithean, is tha e ri fàisneachd mu na h-aimsiribh fad as. 28 Air an aobhar sin abair riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Cha bhi aon do m’bhriathraibh-sa air a shìneadh ni ’s faide, ach am focal a labhras mi, bidh e deanta, deir an Tighearna Dia. CAIB. XIII. AGUS thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, dean fàisneachd an aghaidh fhàidhean Israeil a ta ri fàisneachd, agus abair thusa riusan a ta ri fàisneachd as an cridhe fein, Eisdibhse focal an Tighearna. 3 Mar so deir an Tighearna Dia, Is deacair do na fàidhean amaideach, ata leantuinn an spioraid fein, is nach faca ni sam bith. 4 O Israeil, is cosmhuil d’ fhàidhean ris na sionnachaibh anns na fàsaichibh. 5 Cha deachaidh sibh a suas a chum nam bristeachan, ni mò rinn sibh a suas a’ challaid do thigh Israeil, gu seasamh anns a’ chath ann an là an Tighearna. 6 Chunnaic iad diomhanas, agus rinn iad fiosachd bhreige, ag radh, Deir an Tighearna; ’nuair nach do chuir an Tighearna mach iad: agus rinn iad an dicheall a chum gu daighnicheadh iad am focal. 7 Nach faca sibh sealla faoin, is nach do labhair sibh fiosachd bhreige, le bhi ’g radh, Thubhairt an Tighearna, ge nach do labhair mise? 8 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu do labhair sibh diomhanas, is gu faca sibh breugan, uime sin feuch, tha mise ’nur n-aghaidh, deir an Tighearna Dia. 9 Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chi diomhanas, agus a ta fàisneachd bhreug: cha bhi iad ann an co-thional mo shluaigh, ni mò bhios iad air an sgriobhadh ann an sgriobha tighe Israeil, ni mò theid iad a steach do fhearann Israeil, agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia. 10 A chionn, eadhon a chionn gu d’ thug iad air mo shluagh dol air seachran, ag radh, Sìth, [TD 207] ESECIEL. CAIB. XIII. agus gun sìth idir ann; agus thog aon a suas balla, ’s feuch, thilg càch thairis e le [crè] gun oibreachadh. 11 Abair riu-san, a ta ’ga thilgeadh thairis le [crè] gun oibreachadh, gu’n tuit e: bidh fras thuilteach ann, agus tuirlingidh sibhse, O chlacha-meallain mora, ’s ni gaoth dhoinionnach a bhristeadh. 12 Feuch, ’nuair a thuiteas am balla, nach abrar ruibh, C’àit am bheil a’ chrè leis an do thilg sibh thairis e? 13 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Ni mise fòs a bhristeadh le gaoith dhoinionnaich ann am fheirg: agus bidh fras thuilteach ann am chorruich-sa ann, agus clacha-meallain mora ann am dhian-fheirg d’a mhilleadh. 14 Mar sin bristidh mi sios am balladh a thilg sibh thairis le [crè] gun oibreachadh, is bheir mi nuas gu làr e, air chor as gu leigear ris a bhunaite; agus tuitidh e, ’s bidh sibhse air ’ur milleadh ’na mheadhon: agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 15 Mar so coilionaidh mi mo chorruich air a’ bhalla, ’s orra-san a thilg thairis e le [crè] gun oibreachadh, agus their mi ruibh, Am balla cha’n ’eil ann, ni mò ’ta iadsan a thilg thairis e; 16 [Eadhon] fàidhean Israeil a ta ri fàisneachd mu thimchioll Ierusaleim, agus a ta faicinn seallaidh siothaimh dhi, ’s gun sìth idir ann, deir an Tighearna Dia. 17 Mar an ceudna, thusa a mhic an duine, cuir d’ eudann an aghaidh nigheana do shluaigh, a ta ri fàisneachd as an cridhe fein, agus dean-sa fàisneachd ’nan aghaidh. 18 Agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Is truagh do na mnaibh a ta fuaigheal chluasag ris na h-uile asgailtibh, agus a’ cur bhréidean air ceann gach aoise, a dheanamh seilg air anama. An dean sibh sealg air anama mo shluaigh-sa, agus an coimheid sibh beo anama na muinntir a ta teachd chugaibh? 19 Agus an truaill sibh mise measg mo shluaigh air son ghlacaidean eorna, ’s air son mhìrean arain, a mharbhadh nan anama nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beo nan anama nach bu chòir a bhi beo, le ’r breugaibh do m’ shluagh-sa ta ’g eisdeachd ’ur breug? 20 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise an aghaidh ’ur cluasag leis am bheil sibh an sin a’ sealg air na h-anama, a chum an glacadh; agus spionaidh mise iad o’r gairdeinibh, agus leigibh mi air falbh na h-anama, na h-anama sin air am bheil sibh a’ sealg a chum an glacadh. 21 Reubaidh mi fòs ’ur bréidean, agus saoruidh mi mo shluagh a mach as ’ur laimh, is cha bhi iad ni ’s mò ’nur laimh gu bhi air am fiadhach; agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 22 A chionn le breugaibh gu d’ rinn sibh cridhe ’n ionracain dubhach, is nach d’ rinn mise dubhach e; agus gu do neartuich sibh làmhan an aingidh, chum nach pilleadh e o dhroch shlighe, le bhi gealltuinn beatha dha. 23 Uime sin cha’n fhaic sibh diomhanas ni ’s mò, ’s cha dean sibh fàisneachd tuille: oir saoruidh mise mo shluagh as ’ur laimh, is bidh fios agaibh gur mi Iehobhah. [TD 208] ESECIEL. CAIB. XIV. CAIB. XIV. AN sin thainig cuid do sheanairibh Israeil do m’ ionnsuidh, agus shuidh iad mu m’ choinneamh. 2 Agus thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 3 A mhic an duine, chuir na daoine so suas an iodholan ’nan cridhe, ’s chuir iad ceap-tuislidh an aingeachd fa chomhair an aghaidh: an leig mise dhoibh air aona chor m’ iarruidh? 4 Uime sin labhair riu, agus abair riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Gach duine do thigh Israeil a chuireas a suas iodhola ’na chridhe, ’s a chuireas ceap-tuislidh aingeachd fa chomhair aghaidh, agus a thig chum an fhàidh, bheir mise Iehobhah freagra dha-san a thig, do reir lionmhoireachd iodhola. 5 A chum gu glacainn tigh Israeil ’nan cridhe fein, a chionn gu bheil iad uile air dol air seachran uamsa trìd an iodhola. 6 Air an aobhar sin abair ri tigh Israeil, Mar so deir an Tighearna Dia, Deanaibh aithreachas agus pillibh o’r n-iodholaibh, agus tionndaibh ’ur n-aghaidh air falbh o’r n-uile ghràinealachdaibh. 7 Oir gach aon do thigh Israeil, no do na coigrich a ta air chuairt ann an Israeil, a ta ’ga dhealachadh fein riumsa, ’s a cur a suas iodhola ’na chridhe, ’s a’ cur ceap-tuislidh aingeachd fa chomhair aghaidh, agus a’ teachd a chum fàidh, a dh’ fhiosrachadh dheth mu m’ thiomchioll-sa bheir mise Iehobhah freagra dha leam fein. 8 Agus cuiridh mi mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus ni mi e ’na chomhara ’s ’na ghnà-fhocal, agus gearraidh mi e mach o mheadhon mo shluaigh, agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 9 Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tra labhair e ni, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin, agus sìnidh mi mo lamh amach air, agus sgriosaidh mi e mach o mheadhon mo phobuill Israeil. 10 Agus giulainidh iad peanas an ea-ceairte: bidh peanas an fhàidhe amhuil peanas an ti dh’ iarras chuige. 11 A chum nach d’ theid tigh Israeil ni ’s mò air seachran uamsa, ’s nach bi iad air an truailleadh ni ’s mò le ’n uile chiontaibh: ach a chum gu bi iad dhomhsa ’nam pobull, is mise dhoibh-san ann am Dhia, deir an Tighearna Dia. 12 ¶ Thainig a rìs focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 13 A mhic an duine, tra pheacaicheas an tìr ann am aghaidh-sa le ciontachadh gu h-an-mhor, an sin sìnidh mi mach mo lamh oirre, ’s bristidh mi lorg a h-arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh. 14 Ge do bhiodh an triuir fhear so, Noah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anama fein le ’m fireantachd, deir an Tighearna Dia. 15 Ma bheir mise air beathaiche cronail dol trìd an fhearainn is gu mill iad e, air chor as gu bi e fàs, ionus nach feud neach air bith dol roimhe, airson a’ bheathaich: 16 Ge do bhiodh an triuir dhaoine so ann, mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheana; shaoirteadh iad fein amh- [TD 209] ESECIEL. CAIB. XV. XVI. ain, ach bhiodh am fearann fàs. 17 No ma bheir mise claidheamh air an fhearann sin, is gun abair mi, A chlaidheimh, imich trìd an fhearainn: air chor as gu gearr mi duine ’s ainmhidh a mach as: 18 Ge do bhiodh an triuir dhaoine so ann, mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha saoradh iad aona chuid mic no nigheanan, ach bhiodh amhain iad fein air an saoradh. 19 No ma chuireas mi plàigh do’n fhearann sin, is gu dòirt mi mo chorruich a mach air ann am fuil, a chum duine agus ainmhidh a ghearradh a mach as: 20 Ge do bhiodh Noah, Daniel, agus Iob ann, mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha saoradh iad aona chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anama fein le ’m fireantachd. 21 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Cia mò gu mor tra chuireas mi mo cheathair breitheanuis ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a chum duine agus ainmhidh a ghearradh a mach as? 22 Gidheach feuch, fàgar iarmad ann, a bheirear amach, mic agus nigheanan: feuch, thig iad amach chugaibh, agus chi sibh an slighe, agus an gniomhara: agus gheibh sibh co-fhurtachd a thaobh an uilc a thug mise air Ierusalem, a thaobh gach ni thug mi air. 23 Agus bheir iad co-fhurtachd dhuibh, an uair a chi sibh an slighe, agus an gniomhara: agus aithnichidh sibh nach ann gun aobhar a rinn mise gach ni a rinn mi ann, deir an Tighearna Dia. CAIB. XV. AGUS thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, Ciod e am fion-chrann thar crann air bith eile, ma bhios e mar gheig a ta measg chraobha na frìdhe? 3 An gabhar fiodh dheth gu obair air bith a dheanamh? no an gabhar cnag dheth a chrochadh soithich air bith air? 4 Feuch, tilgear e san teine mar chonnadh; loisgidh an teine a dha cheann, agus loisgear a mheadhon: am bheil e iomchuidh airson cungaidh? 5 Feuch, ’nuair a bha e slàn cha robh e iomchuidh air son cungaidh sam bith: cia mò gu mor is lugha bhios e iomchuidh air son oibre, ’nuair a chaitheas an tein’ e, ’s a bhios e loisgte? 6 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Mar am fion-chrann am measg chranna na frìdhe, a thug mise do ’n teine mar chonnadh, is amhluidh a bheir mi luchd-aiteachaidh Ierusaleim. 7 Agus cuiridh mi mo ghnùis ’nan aghaidh, theid iad a mach o theine, ’s ni tein’ eile an caitheamh: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, tra chuireas mi mo ghnùis ’nan aghaidh. 8 Agus ni mi am fearann fàs, a chionn gu do chuir iad an gniomh ea-ceairt, deir an Tighearna Dia. CAIB. XVI. ARIS thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, thoir air Ierusalem a gràinealachdan aithneachadh. 3 Agus abair, Mar so deir an [TD 210] ESECIEL. CAIB. XVI. Tighearna Dia ri Ierusalem, Tha do bhreth agus do dhùchas o thìr Chanaain, b’Amorach d’athair, agus bu bhan-Hiteach do mhathair. 4 Agus air son do dhùchais, anns an là san d’rugadh thu, cha do ghearradh d’ imleag, ni mò bha thu air do nigheadh ann an uisge, gu d’mhaothachadh: cha do chrathadh salann ort, ni mò bha thu air do spaoileadh. 5 Cha do ghabh suil air bith truas diot, a chum aon ni dhiubh so a dheanamh dhuit, a dheanamh iochd ort; ach bha thu air do thilgeadh a mach anns a’mhachair sgaoilte, le gràin do d’anam air an là san d’rugadh tu. 6 Agus an tra ghabh mise seachad dlù dhuit, agus a chunnaic mi thu salach ann a d’fhuil fein, thuirt mi riut, ann a d’fhuil; Mair beo; seadh, thuirt mi riut, ann a d’ fhuil, Mair beo. 7 Thug mi ort fàs lionmhor mar chinneas na faiche, ’s dh’fhàs thu lionmhor agus mor, agus thainig thu gu sgeadachadh maiseach: tha do chiochan air an cumadh, is do ghruag air fàs, an àite dhuit a bhi ruisgte agus lom. 8 Agus ’nuair a ghabh mise seachad dlù dhuit, is a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’ aimsir ’na h-aimsir graidh, agus sgaoil mise mo sgiort tharad, is dh’fholuich mi do lomnochduiche: seadh mhionnuich mi dhuit, agus thionnsgain mi ann an co-cheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu. 9 An sin nigh mi thu le h-uisge, seadh nigh mi d’ fhuil gu glan air falbh uait, agus dh’ung mi thu le h-ola. 10 Sgeadaich mi thu fòs le h-obair ghréise, agus chuir mi brògan do chraicionn bruic ort, agus chriosluich mi mu’n cuairt thu le h-anart grinn, is chomhdaich mi thu le sioda. 11 Sgiamhaich mi thu mar an ceudna le h-usgraichibh, is chuir mi làmh-fhailean air do lamhan, agus slabhraidh mu d’mhuineal. 12 Agus chuir mi seud riomhach air d’eudann, is cluas-fhainneachan ann a d’ chluasaibh, is crùn maiseach air do cheann. 13 Mar so bha thu air do sgeadachadh le h-òr is le h-airgiod, is bha do thrusgan do dh’anart grinn, agus do shioda, ’s do obair ghréise; dh’ith thu cruineachd fìnealt’ agus mil, agus ola: agus bha thu ro-mhaiseach, is shoirbhich thu gu bhi ann a d’ rioghachd. 14 Agus chaidh d’ iomradh a mach am measg nan cinneach air son do mhaise: oir bha sin iomlan trìd mo sgeimh-sa a chuir mi ort, deir an Tighearna Dia. 15 Ach rinn thu earbsa as do mhaise fein, is rinn thu striopachas an aghaidh do chliu, agus dhoirt thu mach do striopachas air gach neach a ghabh seachad; bu l’esan thusa. 16 Agus ghabh thu do d’chulaidhean, is mhaisich thu d’ionadan arda le dathaibh eag-samhluidh, agus rinn thu striopachas orra, mar nach robh is mar nach bi. 17 Ghabh thu fòs do sheudan riomhach do m’ òr-sa, agus do m’ airgiod, a thug mi dhuit; agus rinn thu dhuit fein dealbhan dhaoine, agus chuir thu striopachas an gniomh leo. 18 Agus ghabh thu do chulaidhean gréise; agus chomhdaich [TD 211] ESECIEL. CAIB. XVI. thu iad: is chuir thu m’ ola-sa, agus mo thùis mu’n comhair. 19 Mo bhiadh fòs a thug mi dhuit, mìn-chruineachd, agus ola, agus mil, a thug mi dhuit r’an itheadh, chuir thu eadhon mu’n coinneamh iad, mar bhola cubhraidh. 20 Seadh cuideachd, arsa an Tighearna Dia, ghabh thu do mhic agus do nigheanan a rug thu dhomh-sa, agus iad so dh’iobair thu dhoibhsan gu bhi air an slugadh a suas. 21 An ni suarrach dhuit, le d’striopachas, gu do mharbh thu mo chlann, is gu d’thug thu iad seachad gu dol trìd [an teine] air an son-san? 22 Agus, ann a d’uile ghràinealachdaibh agus striopachais, cha do chuimhnich thu laithean d’òige, tra bha thu lomnochd agus ruisgte, air do thruailleadh ann a d’fhuil fein. 23 Agus tharladh an deigh d’aingeachd uile, (Mo thruaighe, mo thruaighe thu, deir an Tighearna Dia,) 24 Gu do thog thu dhuit fein fòs ionad ard, is gu d’rinn thu dhuit fein àite ard anns gach aon sràid. 25 Thog thu ionad ard air gach aona cheann do’n t-slighe, ’s thug thu air do mhaise bhi air a fuathachadh, agus rinn thu coitchionn thu fein do gach aon a ghabh seachad, agus rinn thu do striopachais lionmhor. 26 Rinn thu fòs striopachas leis na h-Eiphitich do choimhearsnaich, a ta mor am feoil, is mheudaich thu do striopachais a chum mise a bhrosnuchadh gu feirg. 27 Feuch uime sin, shìn mise mo làmh a mach tharad, is lughdaich mi do lòn, is thug mi thairis thu do thoil na muinntir leis am fuathach thu, nigheana nam Philisteach, air am bheil nàire do d’shlighe mhi-chiataich. 28 Rinn thu mar an ceudna striopachas leis na h-Asirianaich, a chionn gu robh thu do-shàthachadh; seadh, rinn thu striopachas leo, agus gidheadh cha’n fheuda’ tu bhi air do shàthachadh. 29 Mheudaich thu os barr do striopachas ann am fearann Chanaain gu ruig Caldea, ’s gidheadh cha robh thu sàthaichte leis sin. 30 Cionnus a ghlanas mise do chridhe, deir an Tighearna Dia, ’nuair a tha thu deanamh nan nithe so uile, obair mnà neo-gheanmnuidh ladarna? 31 ’Nuair a tha thu togail d’ionaid aird an ceann gach slighe, ’s a’ deanamh d’ aite aird anns gach aon sràid, is nach robh thu cosmhuil ri striopaich, (a chionn nach b’ fhiu leat tuarasdal;) 32 Ach ri mnaoi a ni adhaltrus, a ghabhas coigrich an àite a fir fein. 33 Do na h-uile striopachaibh bheir iad duais, ach tha thusa a’toirt duaise do d’leannanaibh uile, ’s ga ’n tuarasdalachadh, a chum gu tigeadh iad chugad gach aon taobh air son do striopachais. 34 Agus tha thusa dìreach an aghaidh [nòis] mhnathan eile ann a d’ striopachas, am feadh nach ’eil aon neach a’ dol air do dheigh a dheanamh striopachais: is ann a tha thu toirt duaise seachad, agus gun duais air bith ’ga thoirt duit; uime sin tha thu ’nan aghaidh ann a d’ [nòs.] [TD 212] ESECIEL. CAIB. XVI. 35 Air an aobhar sin, O a striopach, cluinn focal an Tighearna. 36 Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu robh do shalchar air a dhortadh a mach, is do lomnochduich’ air a leigeadh ris trìd do striopachais le d’leannanaibh, agus le uile iodholaibh do ghràinealachdan, agus le fuil do chloinne, a thug thu dhoibh; 37 Feuch uime sin, cruinnichidh mise d’ uile leannain, leis an do ghabh thu sòlas, agus na h-uile d’ an d’ thug thu gradh, leis na h-uile d’ an d’ thug thu fuath: ni mi eadhon an cruinneachadh mu ’n cuairt ann a d’aghaidh, agus leigidh mi ris doibh do lomnochduich’, a chum gu faic iad do lomnochduich’ uile. 38 Agus bheir mi breith ort mar a bheirear breith air mnaibh a bhristeas an ceangal-pòsaidh, agus a dhoirteas fuil, agus bheir mi peanas ort ann an corruich agus ann an eud. 39 Agus bheir mi thu fòs d’an laimh, agus tilgidh iad a sios d’ àite cnocach, is bristidh iad a sios d’ionadan arda: buinidh iad dhiot mar an ceudna d’eudach, is glacaidh iad do sheuda riomhach, is fàgaidh iad thu lomnochd agus ruisgte. 40 Bheir iad mar an ceudna buidheann a nios a’ d’ aghaidh, agus clachaidh iad thu le clachaibh, agus sàthaidh iad romhad an claidhmhean. 41 Agus loisgidh iad do thighean le teine, ’s ni iad breitheanas ort ann an sealladh mhoran bhan: agus bheir mise ort sgur do striopachas, agus cha toir thu tuarasdal seachad ni ’s mò. 42 Mar sin bheir mi air mo chorruich do d’ thaobh fois a ghabhail, agus imichidh m’ eud uait, is gabhaidh mi fois, is cha bhi fearg orm ni ’s mò. 43 A chionn nach do chuimhnich thu làithean d’ òige, ’s gu do chuir thu corruich ormsa anns na nithibh so uile; feuch uime sin, diolaidh mise fòs do shlighe air do cheann, deir an Tighearna Dia, ’s cha chuir thu ’n gniomh an neo-ghloine so thar d’ uile ghràinealachdaibh. 44 Feuch, gach aon a ghnathaicheas sean-fhocla, gnàthaichidh an sean-fhocal so a’ d’aghaidh, ag radh, Mar a’ mhathair, is amhluidh an nighean. 45 Is tusa nighean do mhathar, leis am fuathach a fear agus a clann, agus is tu piuthar do pheathraichean, leis am b’fhuathach am fir agus an clann: bu bhan-Hiteach ’ur mathair, agus b’Amorach ’ur n-athair. 46 Agus is i do phiuthar a’s sine Samaria, i fein agus a nigheanan a ta chomhnuidh aig do laimh chlì: agus do phiuthar a’s òige, ta chomhnuidh aig do laimh dheis, Sodom agus a nigheanan. 47 Gidheadh ’nan slighe-san cha do ghluais thu, ni mò rinn thu do reir an gràinealachdan: ach mar gu bu ni ro-bheag sin, bha thu air do thruailleadh ni ’s mò na iadsan ann a d’uile shlighibh. 48 Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha d’rinn do phiuthar Sodom, i fein no a nigheanan mar a rinn thusa, thu fein agus do nigheanan. 49 Feuch, b’i so aingeachd do pheathar Sodom; Uabhar, sàth arain, agus pailteas diomhanais, bha innte fein is ’na nigh- [TD 213] ESECIEL. CAIB. XVII. eanaibh; ni mò a neartuich i lamh a’ bhochd agus an fheumannaich. 50 Agus bha iad ardanach, is chuir iad gràinealachd an gniomh ann am shealla-sa: uime sin thug mi air falbh iad mar a chunnacas ceart domh. 51 Ni mò chuir Samaria an gniomh leth do lochdan-sa; ach mheudaich thu do ghràinealachda ni ’s mò na iadsan, agus dh’ fhireinich thu do pheathraichean ann a d’ uile ghràinealachdaibh a rinn thu. 52 Thusa fòs a thug breith air do pheathraichean, giulain do nàire fein, air son do lochdan a chuir thu ’n gniomh ni ’s gràineala na iadsan: tha iadsan ni ’s ionraice na thusa: seadh, bi thusa air do mhaslachadh fòs, agus giulain do nàire, chionn gu d’fhireinich thu do pheathraichean. 53 Thug mise air falbh am braighdean-san; mar bhraighdean Shodoim agus a cuid nighean, mar sin braighdean Shamaria ’s a cuid nighean; uime sin bheir mi d’an ionnsuidh do bhraighdean-sa mar an ceudna. 54 A chum gu giulaineadh tu do nàire fein, is gu biodh tu air do mhaslachadh anns gach ni a rinn thu, a chionn thu bhi toirt doibh co-fhurtachd. 55 ’Nuair a philleas do pheathraichean, Sodom agus a cuid nighean gus an ceud staid, agus a philleas Samaria ’s a cuid nighean gus an ceud staid, an sin pillidh tusa ’s do nigheana gu’r ceud staid. 56 Agus ’na dheigh sin cha toir thu masladh le d’bheul do d’ phiuthair Sodom, mar ann an latha d’ uabhair; i 57 Mun robh d’ aingeachd air a leigeadh ris, agus am do mhaslaidh, mar nigheanan Shiria, s’ na h-uile bha dlù dhi, agus mar nigheanan nam Philisteach a bha mu ’n duairt duit. 58 Giulainidh tu do neo-ghloine agus do ghràinealachdan, deir an Tighearna. 59 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Buinidh mise riutsa amhuil mar a rinn thu fein, a rinn tàir air na mionnan, ann am bristeadh a’ cho-cheangail. 60 Gidheadh, cuimhnichidh mi mo cho-cheangal riut ann an làithibh d’ òige, agus daighnichidh mi riut co-cheangal siorruith. 61 An sin cuimhnichidh tu do shlighe, agus bidh nàir’ ort, ’nuair a ghabhas tu do pheathraichean, do phiuthar a’s sine agus a’s òige: agus bheir mise dhuit iad mar nigheanan, ach cha’n ann airson do cho-cheangail-sa. 62 Agus daighnichidh mi mo cho-cheangal riut-sa, agus bidh fios agad gur mi Iehobhah. 63 A chum gu cuimhnicheadh tu, ’s gu biodh nàir’ ort, is nach fosgladh tu do bheul gu bràth ni ’s mò, do bhrigh do nàire, ’nuair a bhios mise reidh riut air son gach uile ni a rinn thu, deir an Tighearna Iehobhah. CAIB. XVII. AGUS thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, cuir amach toiseagan, agus labhair cosalachd ri tigh Israeil; 3 Agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Thainig fireun mor le sgiathaibh mora, ’s le altaibh laidir, làn do chlùmhach, air an robh dathan eug-samhluidh, gu Lebanon, is ghabh e am meangan a b’ airde do ’n t-sheudar. 4 Ghearr e dheth barr a’ [TD 214] ESECIEL. CAIB. XVII. mheangain òig, is thug e leis e gu tìr malairt; shuidhich e ann am baile cheannuichean e. 5 Ghabh e fòs do shiol an fhearainn, is chuir e ann am machair thorthaich e, shuidhich e ri taobh uisgeacha mor’ e, ’ga chur mar chrann seilich. 6 Agus dh’ fhàs e, agus thainig e gu bhi ’na fhineamhuinn leathain, air bheag airde, aig an robh a gheugan air an tionndadh ris [an fhireun,] is aig an robh a fhreumhan fuidhe: mar sin dh’ fhàs e ’na fhineamhuinn, is thug e mach geugan, is chuir e uaithe meangain. 7 Bha fòs ann fireun mor eile, le sgiathaibh mora, ’s moran clùmhaich; agus feuch, chlaon an fhineamhuinn so a freumha da ionnsuidh, agus thilg i mach a geugan chuige, chum bhi air a h-uisgeacha le claisean a ghàrraidh. 8 Bha i air a suidheachadh ann am fearann maith, ri taobh uisgeacha mora, chum gu tugadh i mach geugan, is gu giulaineadh i toradh, is gu biodh i ’na deagh fhineamhuinn. 9 Abair thusa, Mar so deir an Tighearna Dia, Am bi piseach oirre? nach spion e nios a freumha, ’s nach gearr e dhith a toradh, air chor as gu searg e? crionaidh i ann an uile dhuillibh a ceud-fhais, eadhon gun chumhachd mor, no moran sluaigh, d’ a spionadh a nios as a freumhaibh. 10 Seadh, feuch, an deigh a suidheachadh, am bi piseach oirre? nach searg i gu tur, an tra bheanas a’ ghaoth ’n ear dhi? crionaidh i anns na claisibh anns an d’ fhàs i. 11 Os barr, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 12 Abair a nis ris an tigh cheannairceach, Nach ’eil fios agaibh ciod [is ciall] do na nithibh so? innis doibh, Feuch, tha righ Bhabiloin air teachd gu Ierusalem, is ghlac e a righ, agus a prionnsachan, is thug e leis iad gu Babilon. 13 Agus ghabh e do shliochd an righ, agus rinn e co-cheangal ris, is ghabh e mionnan deth: ghlac e fòs cumhachdaich na tìre: 14 A chum gu biodh an duthaich suarrach, ionus nach togadh i suas i fein; ach le cho-cheangal-san a choimhead gu feudadh i seasamh. 15 Ach rinn e ar a mach ’na aghaidh-san le theachdairean a chur do ’n Eiphit, a chum gu tugadh iad dha eich agus moran sluaigh: an eirich gu maith dha? an d’ theid esan a ni na nithe so as? no am brist e ’n co-cheangal, agus an saorar e? 16 Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhin anns an àit [am bheil comhnuidh] an righ a rinn righ dheth-san, neach a rinn e tàir air a mhionnan, agus a bhrist e a chumhnanta, [eadhon] l’esan, ann am meadhon Bhabiloin, gheibh e bàs. 17 Ni mò ni Pharaoh feum dha, le fheachd cumhachdach is le bhuidheinn mhoir, anns a’ chogadh, le torr a thilgeadh asuas, agus le daighnichean a thogail, a ghearradh as mhoran anama. 8 A chionn gu d’ rinn e tàir air na mionnan leis a’ cho-cheangal a bhristeadh, (an uair a thug e, feuch, a lamh,) agus a rinn e na nithe so uile, cha d’ theid e as. 19 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Mar is beo mise, mo [TD 215] ESECIEL. CAIB. XVIII. mhionnan air an d’ rinn e tàir, is mo cho-cheangal a bhrist e, eadhon sin diolaidh mise air a cheann fein. 20 Agus sgaoilidh mi mo lion air, agus glacar ann am rib e, agus bheir mi e gu Babilon, agus tagraidh mi ris an sin air son a chionta, leis an do chiontaich e ann am aghaidh. 21 Agus tuitidh na theich chuige, le uile fheachd, leis a’ chlaidheamh; agus bidh iadsan a dh’ fhàgar air an sgapadh ris na h uile gaoith: agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah a labhair e. 22 Mar so deir an Tighearna Iehobhah; Gabhaidh mise mi fein do ’n ghéig a’s airde do ’n t-sheudar ard, agus suidhichidh mi e; gearraidh mi, o bharr a mheangan òga, geug mhaoth, agus suidhichidh mi air sliabh uachdrach agus ard i. 23 Air sliabh ard Israeil suidhichidh mi i: agus togaidh i suas a geug, is bheir i mach toradh, agus fàsaidh i ’na seudar rioghail: agus fuipe gabhaidh na h-uile eunlaith do gach aon iteig comhnuidh: fuidh dhubhar a geug ni iad comhnuidh. 24 Agus aithnichidh uile chraobha na machrach, gu d’ thug mise Iehobhah nuas an crann ard, gu d’ arduich mi an crann iosal, gn d’rinn mi an crann uaine tioram, is gu d’ thug mi air a’ chrann thioram bhi fo bhlàth: mise Iehobhah labhair agus ni e. CAIB. XVIII. THAINIG focal an Tighearna do m’ ionnsuidh a rìs, ag radh, 2 Ciod is ciall duibh, gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t-sean-fhocail so do thaobh dùcha Israeil, ag radh, Dh’ ith na h-aithrichean dearcan searbha, ’s tha déisinn air fiaclaibh na cloinne? 3 Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha bhi aobhar agaibh an sean-fhocal so a ghnàthachadh ni ’s mò ann an Israeil. 4 Feuch, is leamsa na h-uile anama; mar is leam anam an athar, is amhluidh is leam anam a’ mhic: an t-anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs. 5 Ach ma bhios duine ionraic, agus gu dean e an ni bhios dligheach agus ceart, 6 Mur d’ ith e air na sleibhtibh, ni mò thog e suas a shuilean ri iodholaibh tighe Israeil, no thruaill e bean a choimhearsnaich, no thainig e dlù do mhnaoi a chuireadh air leth, 7 Agus mur do shàruich e aon neach, [ach] gu d’ thug e gheall air ais do ’n fheumannach; mur do chreach e neach air bith le foirneart, [ach] gu d’thug e aran do ’n acrach, is gu do chomhdaich e an lomnochd le eudach, 8 Esan nach d’ thug seachad air ocar, ni mò ghabh aon riadh, a chum air a h-ais a lamh o ea-ceairt, a rinn breitheanus fior eadar duine agus duine, 9 A ghluais ann am reachdaibh, agus a choimhid mo bhreitheanuis, gu firinn a chur an gniomh; so an duine ionraic, mairidh esan gu deimhin beo, deir an Tighearna Dia. 10 Ma ghineas e mac a bhios ’na shlaidear, is ’na fhear-dòrtaidh fola, a ni samhuil aon ni dhiubh so, 11 Agus nach dean aon do na [dleasnais] sin, ach a dh’ ith eadhon air na sleibhtibh, agus a thruaill bean a choimhearsnaich, [TD 216] ESECIEL. CAIB. XVIII. 12 A shàruich am bochd agus am feumannach, a chreach le foirneart, nach d’ thug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodholaibh, a chuir an gniomh gràinealachd, 13 A thug seachad air ocar, agus a ghabh riadh: am mair e ’n sin beo? cha mhair e beo: rinn e na gràinealachdan so uile, gheibh e gu cinnteach bàs, bidh fhuil air fein. 14 Agus feuch, ma ghineas esan mac a chi na h-uile lochdan a rinn athair, agus gu toir e fainear, agus nach dean e an leithide; 15 Nach d’ ith air na sleibhtibh, ni mò thog e suas a shuilean ri iodholaibh tighe Israeil, nach do thruaill bean a choimhearsnaich, 16 Nach do shàruich aon neach, nach do ghleidh an geall, ni mò chreach le h-ain-neart, [ach] a thug aran do ’n acrach, agus a chomhdaich an lomnochd le eudach, 17 A thog a lamh o na bochdaibh, nach do ghabh ocar no riadh, a rinn mo bhreitheanuis, a ghluais ann am reachdaibh; cha ’n fhaigh esan bàs airson aingeachd athar, mairidh e gu cinnteach beo. 18 Athair, a chionn gu do shàruich e gu h an-iochdmhor, gu do chreach e bhrathair le foirneart, is gu d’ rinn e an ni sin nach robh ceart ann am measg a shluaigh, feuch, bàsaichidh eadhon esan ’na aingeachd. 19 Gidheadh a deir sibhse, C’ arson? nach ’eil am mac a’giulan aingeachd an athar? An uair a rinn am mac an ni sin a tha dligheach agus ceart, a ghleidh e mo reachdan-sa uile, ’s a rinn e iad, mairidh e gu cinnteach beo. 20 An t-anam a chiontaicheas gheibh esan bàs: cha ghiulain am mac aingeachd an athar, ni mò ghiulaineas an t-athair aingeachd a’ mhic; bidh fireantachd an fhirean air fein, agus aingeachd an aingidh air fein. 21 Ach ma philleas an t-aingidh o uile aingeachd a rinn e, ’s gu coimheid e mo reachdan-sa, ’s gu dean e an ni sin a tha dligheach agus ceart, mairidh e beo, cha ’n fhaigh e bàs. 22 Uile lochdan a chuir e ’n gniomh, cha bhi iad air an cuimhneachadh dha: ’na fhireantachd a chuir e ’n gniomh, mairidh e beo. 23 Am bheil tlachd air bith agams’ ann am bàs an aingidh? deir an Tighearna Dia: nach ann [a ta mo thlachd] ’na philleadh o shlighe, ’s gu biodh e beo? 24 Ach an uair a philleas am firean air falbh o fhireantachd, agus a chuireas e’n gniomh aingeachd, a’ deanamh do reir nan uile ghràinealachdan a ni an t-aingidh, am mair e beo? air uile fhireantachd a rinn e cha bhi iomradh: ’na chionta a chiontaich e, agus ’na pheacadh a pheacaich e, annta-san gheibh e bàs. 25 Gidheadh a deir sibhse, Cha’n ’eil slighe an Tighearna cothromach. Eisdibh a nis, O thigh Israeil, nach ’eil mo shlighe-sa cothromach? nach ’eil ’ur slighe-sa neo-chothromach? 26 ’Nuair a chlaonas am firean o fhireantachd, agus a chuireas e ’n gniomh aingeachd, agus a bhàsaicheas e innte; airson aingeachd a rinn e gheibh e bàs. 27 A rìs, an uair a philleas an t-aingidh air falbh o aingeachd a chuir e’n gniomh, agus a ni e [TD 217] ESECIEL. CAIB. XIX. sin a ta dligheach agus ceart, gleidhidh e anam beo. 23 A chionn gu bheil e toirt fainear, agus a’ pilleadh o uile lochdaibh a chuir e’n gniomh, mairidh e gu cinnteach beo, cha’n fhaigh e bàs. 29 Gidheadh deir tigh Israeil, Cha’n ’eil slighe an Tighearna cothromach? O a thigh Israeil, nach ’eil mo shlighe-sa cothromach? nach ’eil ’ur slighe-sa neo-chothromach? 30 Uime sin bheir mise breith oirbh, O a thigh Israeil, gach aon do reir a shlighe, deir an Tighearna Dia: deanaibh aithreachas, agus pillibh o’r n-uile chiontaibh; mar sin cha dean aingeachd ’ur milleadh. 31 Tilgibh uaibh ’ur n-uile chionta leis an do chiontaich sibh, agus deanuibh dhuibh fein cridhe nuadh, agus spiorad nuadh; oir c’arson a bhàsaicheas sibh, O a thigh Israeil? 32 Oir cha’n ’eil tlachd air bith agams’ ann am bàs an ti bhàsaicheas, deir an Tighearna Dia: uime sin pillibhse, agus mairibh beo. CAIB. XIX. OS barr, tog thusa tuireadh a suas air son uachdarain Israeil, 2 Agus abair, Ciod i do mhathair? leomhan boirionn: luidh i sios am measg leomhan, dh’ altruim i a cuileanan am measg leomhan òga. 3 Agus thog i suas aon d’a cuileanaibh: dh’ fhàs e ’na leomhan òg, is dh’ fhoghluim e breth air a’ chreich, shluig e daoine. 4 Chuala na cinnich fòs iomradh air, ghlacadh e ’nan slochd, is thug iad e le slabhraidh gu tìr na h-Eiphit. 5 A nis ’nuair a chunnaic i gu d’ fhàs i lag, is gu do chaill i a dòchas, an sin ghabh i aon eile d’a cuileanaibh, rinn i leomhan òg dheth. 6 Agus dh’ imich e sios agus asuas am measg nan leomhan, dh’ fhàs e ’na leomhan òg, is dh’ fhoghluim e breth air a’ chreich, shluig e daoine. 7 Agus dhìthich e an àrois, is chuir e fàs am bailtean; agus bha’n duthaich fo uabhas, agus an làn a bha innte, le fuaim a bheucaich. 8 An sin chruinnich na cinnich ’na aghaidh air gach taobh o na mor-roinnibh, agus sgaoil iad an lion thairis: ghlacadh e ’nan slochd. 9 Agus chuir iad e ’n sàs ann an slabhruidhean, is thug iad e gu righ Bhabiloin; thug iad e gu daighnichean, a chum nach cluinnteadh ni bu mhò a ghuth air sleibhtibh Israeil. 10 Tha do mhathair cosmhuil r fineamhuinn, suidhichte taobh nan uisgeachan, bha i torthach agus làn da gheugaibh, a thaobh nam moran uisgeacha. 11 Agus bha slata làidir aice, air son shlataibh-riaghlaidh do uachdranaibh, agus bha a h-airde air a thogail asuas am measg nan tiugh-gheugan, agus chunnaic i a h-airde fein am measg lionmhoireachd a meanglan. 12 Ach spionadh a nios i ann an corruich, thilgeadh i sios gu làr, is thiormaich a’ghaoth ’near a suas a meas: bhristeadh is sheargadh a slata làidir, loisg an teine iad. [TD 218] ESECIEL. CAIB. XX. 13 Agus a nis tha i air a suidheachadh anns an fhàsaich, ann am fearann tioram tartmhor. 14 Agus tha teine air dol a mach o shlait d’a geugaibh, a loisg a meas, air chor as nach ’eil slat laidir air bith aice gu bhi ’na slait gu riaghladh. Is tuireadh so, agus bithidh e mar thuireadh. CAIB. XX. AGUS tharladh anns an t-seachdamh bliadhna, sa’ chuigeamh [mios, air] an deicheamh [là] do ’n mhios, gu d’ thainig cuid àraid do sheanairibh Israeil, a dh’ fhiosrachadh o’n Tighearna, agus shuidh iad ann am lathair-sa. 2 An sin thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 3 A mhic an duine, labhair ri seanairibh Israeil, agus abair riu, Mar so deir an Tighearna Dia, An d’ thainig sibh a dh’ fhiosrachadh dhiomsa? mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha bhi mi air m’ fhiosrachadh leibh. 4 An tagair thusa as an leth, a mhic an duine, an tagair thu? thoir orra gu ’n aithnich iad gràinealachdan an aithrichean. 5 Agus abair riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Anns an là san do roghnaich mise Israeil, is anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd tighe Iacoib, is anns an d’ rinn mi mi fein aithnichte dhoibh ann an tìr na h-Eiphit, ’nuair a thog mi suas mo lamh air an son ag radh, Is mi Iehobhah ’ur Dia. 6 Anns an là san do thog mi suas mo lamh air an son, gu ’n toirt amach a tìr na h-Eiphit, a chum fearainn a rannsaich mi mach dhoibh, a’ sruthadh le bainne agus mil, a ’s e gloir na h-uile fhearainn: 7 An sin thuirt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fein le iodholaibh na h-Eiphit: is mise Iehobhah ’ur Dia. 8 Ach chathaich iad ann am aghaidh, is cha ’n eisdeadh iad rium: cha do thilg iad uatha gach aon gràinealachdan an sùl, ni mò threig iad iodhola na h-Eiphit: an sin thubhairt mi, Dòirtidh mi mach mo chorruich orra, a chum gu coilionainn m’fhearg ’nan aghaidh ann am meadhon tìre na h-Eiphit. 9 Ach dh’oibrich mi air sgàth m’ ainme fein, a chum nach truaillteadh e ’n làthair nan cinneach, a bha iadsan ’nam measg, agus a rinn mi mi fein aithnichte dhoibh ’nan sealladh, le ’n toirt a mach a tìr na h-Eiphit. 10 Air an aobhar sin thug mi orra dol a mach a talamh na h-Eiphit, is thug mi iad a chum na fàsaiche. 11 Agus thug mi dhoibh mo reachdan, agus dh’ fhoillsich mi dhoibh mo bhreitheanuis, iad sin ma choilionas duine sam bith, mairidh e beo annta. 12 A thuille air so fòs, thug mi dhoibh mo shàbaidean, gu bhi ’nan comhara eadar mise agus iadsan, a chum gu’n aithnicheadh iad gur mi Iehobhah a naomhaicheas iad. 13 Ach chathaich tigh Israeil am aghaidh anns an fhasaich: cha do ghluais iad ann am reachdaibh, is rinn iad tàir air mo bhreitheanuis, nithe ma ni duine, [TD 219] ESECIEL. CAIB. XX. mairidh e beo annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mor: an sin thubhairt mi gu dòirtinn mo chorruich a mach orra san fhàsaich, a chum an caitheamh. 4 Ach dh’oibrich mi air sgàth m’ainme fein, a chum nach biodh e air a thruailleadh am measg nan cinneach, a thug mi iad a mach ’nan sealladh. 15 Ach fòs thog mi suas mo làmh dhoibh anns an fhàsaich, nach tugainn iad do ’n fhearann a thug mi dhoibh, a’ sruthadh le bainne agus mil, a’s e gloir na h-uile fhearainn. 16 A chionn gu d’ rinn iad tàir air mo bhreitheanuis, is nach do ghluais iad ann am reachdaibh, ach gu do thruaill iad mo shàbaidean: oir chaidh an cridhe ’n deigh an iodhola. 17 Gidheadh choigil mo shùil iad o’n sgrios, ni mò rinn mi crioch a thoirt orra san fhàsaich. 18 Ach thubhairt mi ri ’n cloinn anns an fhàsaich, Na gluaisibhse ann an reachdaibh ’ur n-aithrichean, ni mò bheir sibh fanear am breitheanuis, no thruailleas sibh sibh fein le ’n iodholaibh. 19 Is mise Iehobhah bhur Dia; gluaisibh ann am reachdaibh, is coimhidibh mo bhreitheanais, agus deanuibh iad: 20 Agus naomhaichibh mo shàbaidean; agus bidh iad ’nan comhara eadar mise agus sibhse, a chum gu bi fios agaibh gur mise Iehobhah bhur Dia. 21 A dh’ aindeoin so, chathaich an clann ann am aghaidh: cha do ghluais iad ann am reachdaibh, ni mò choimhid iad mo bhreitheanuis gu ’n deanamh, nithe ma ni duine, mairidh e beo annta; thruaill iad mo shàbaidean: an sin thubhairt mi gu dòirtinn a mach mo chorruich orra, chum gu coilionainn m’fhearg ’nan aghaidh anns an fhàsaich. 22 Gidheadh, phill mi air a h-ais mo làmh, is rinn mi air sgàth m’ainme fein, a chum nach biodh e air a thruailleadh ann am fianuis nan cinneadh, a thug mi iad a mach ’nan sealladh. 23 Thog mi suas mo làmh dhoibh fòs anns an fhàsaich, gu sgapainn iad am measg nan cinneach, is gu sgaoilinn iad feadh nan dùchannan; 24 A chionn nach do chuir iad an gniomh mo bhreitheanuis, ach gu d’rinn iad tàir air mo reachdaibh, is gu do thruaill iad mo shàbaidean, is gu robh an sùilean air deigh iodholan an aithrichean. 25 Uime sin thug mi dhoibh fòs reachdan mach robh foirfe, agus breitheanuis leis nach biodh iad beo. 26 Agus thruaill mi iad ’nan tiolacaibh fein, le iad a bhi toirt air gach ni dh’fhosglas a’bhrù dol trìd [an teine,] ionus gu deanainnse fàs iad, a chum gu’n aithnicheadh iad gur mi Iehobhah. 27 Uime sin, a mhic an duine, labhair ri tigh Israeil, agus abair riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Ann an so fòs mhasluich ’ur n-aithrichean mise, le iad a chiontachadh gu trom ann am aghaidh. 28 ’Nuair a thug mi iad do ’n fhearrann, mu ’n do thog mi suas mo làmh gu tugainn doibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc ard, is na h-uile chranna tiugha, agus dh’iobair iad an sin an iobairtean, agus an sin thug iad seachad an [TD 220] ESECIEL. CAIB. XX. tabhartasa fuathach: an sin fòs rinn iad am boladh cubhraidh, is dhòirt iad a mach an iobairtean dibhe. 29 An sin thuirt mi riu, Ciod an t-ionad ard gus am bheil sibh a’ dol? gidheadh ghleidh an t-ionad ard ainm gus an là an diugh. 30 Uime sin abair ri tigh Israeil, Mar so deir an Tighearna Dia, Am bheil sibh air ’ur truailleadh do reir nòis ’ur n-aithrichean? agus am bheil sibh a’ cur striopachais an gniomh do reir an gràinealachda-san? 31 Oir an uair a tha sibh a’ toirt seachad ’ur tiolaca, ’nuair a tha sibh a toirt air ’ur mic dol trìd an teine, tha sibh ga ’r truailleadh fein le ’r n-uile iodholaibh, eadhon gus an là an diugh: agus an toir mise freagra dhuibh, O a thigh Israeil? Mar is beo mi, deir an Tighearna Dia, cha toir mi dhuibh freagra. 32 Agus an ni sin a ta teachd ’nur n-aire cha tachair air chor air bith, ann am bheil sibh ag radh, Bidh sinn mar na cinnich, mar mhuinntir nan dùchannan, ann an seirbhis a thoirt do chrann agus do chloich. 33 Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, gu cinnteach le laimh chumhachdaich, agus le gairdein sìnte mach, agus le corruich air a dòrtadh a mach, riaghlaidh mise tharaibh. 34 Agus bheir mi mach sibh as na sloigh, is tionailidh mi sibh as na dùchannaibh anns am bheil sibh air ’ur sgapadh, le laimh thréin, agus le gairdein sìnte mach agus le corruich air a dòrtadh a mach. 35 Agus bheir mi sibh gu fàsaich nam fineachan, agus an sin tagraidh mi ruibh aghaidh ri h-aghaidh. 36 Amhuil a thagair mi ri ’r n-aithrichibh ann am fàsaich tìre na h-Eiphit, is amhuil a thagras mi ruibhse, deir an Tighearna Dia. 37 Agus bheir mi oirbh imeachd fo ’n t-slait, is bheir mi sibh fo cheangal a chumhnainte. 38 Agus glanaidh mi mach as ’ur measg na ceannaircich, agus an dream a ta ciontachadh ann am aghaidh: bheir mi iad a mach as an dùthaich anns am bheil iad air chuairt, is cha d’ theid iad a steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 39 Air ’ur son-sa, O a thigh Israeil, Mar so deir an Tighearna Dia, Imichibh, thugaibh seirbhis gach aon duine d’a iodholaibh a nis ’na dheigh so, mur eisd sibh riumsa: ach na truaillibh m’ ainm naomha-sa ni ’s mò le ’r tabhartasaibh agus le ’r n-iodholaibh. 40 Oir ann am shliabh naomha-sa, ann an sliabh airde Israeil, deir an Tighearna Dia, ann an sin bheir uile thigh Israeil, na bhios air thalamh uile dhiubh, seirbhis domhsa: an sin gabhaidh mi riu, agus an sin iarruidh mi ’ur tabhartais, agus ceud thoraidh ’ur n-iobairtean, le ’r n-uile nithe naomha. 41 Gabhaidh mi ruibh le ’r boltrach cubhraidh, an tra bheir mi mach sibh o na fineachaibh, agus a thionaileas mi sibh o na dùchannaibh anns an robh sibh air ’ur sgapadh, agus bidh mi air mo naomhachachadh annaibh ann am fianuis nan cinneach. 42 Agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah, ’nuair a bheir mi sibh gu fearann Israeil, gus an dùthaich mu ’n do thog mi suas [TD 221] ESECIEL. CAIB. XXI. mo lamh gu tugainn i do ’r n-aithrichibh. 43 Agus ann an sin cuimhnichidh sibh ’ur slighe agus ’ur n-uile dheanadais, anns an robh sibh air ’ur truailleadh, agus bidh sibh gràineil ’nur sealladh fein, airson ’ur n-uile lochdan a rinn sibh. 44 Agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah, ’nuair a dh’ oibricheas mi leibh airson m’ ainme fein, cha ’n ann do reir ’ur droch shlighe, no do reir ’ur deanadais aingidh, O a thigh Israeil, deir an Tighearna Dia. 45 ¶ Os barr, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 46 A mhic an duine, cuir d’ aghaidh ris an airde deas, is leig sileadh [do d’ fhocal] ri deas, agus dean faisneachd an aghaidh frìdhe na machrach mu dheas; 47 Agus abair ri frìdh na h-airde deas, Eisd focal an Tighearna, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, fadaidh mise teine annad, agus loisgidh e gach uile chrann uaine annad, is gach uile chrann seargta; cha mhùchar an teine lasrach, is loisgear ann na h-uile aghaidh o dheas gu ruige tuath. 48 Agus chi na h-uile fheoil gur mise Iehobhah a las e: cha bhi e air a mhùchadh. 49 An sin thuirt mise, Ah a Thighearna Dhia, deir iad do m’ thaobh-sa, Nach ’eil e labhairt chosalachda dorcha? CAIB. XXI. AGUS thainig focal an Tighearna chugamsa, ag radh, 2 A mhic an duine, cuir d’ aghaidh ri Ierusalem, is leig sileadh [do d’fhocal] ris na h-ionadaibh naomha, ’s dean faisneachd an aghaidh fearainn Israeil, 3 Agus abair ri fearann Israeil, Mar so deir an Tighearna, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, agus tairngidh mi mach mo chlaidheamh as a thruaill, is buinidh mi mach asad am firean agus an t-aingidh. 4 A chionn gu do ghearr thusa mach uait am firean agus an t-aingidh, uime sin theid mo chlaidheamh a mach as a thruaill an aghaidh gach uile fheòla a dheas gu tuath: 5 A chum gu’n aithnich gach uile fheoil gu do tharruing mise Iehobhah mo chlaidheamh a mach as a thruaill: cha phill e air ais ni ’s mò. 6 Dean acain uime sin, a mhic an duine, a dhochainneas do leasruidh; agus le searbhus dean osnaich fa chomhair an sùl. 7 Agus tarlaidh, ’nuair a their iad riut, C’ arson a ta thu ’g osnaich? gu freagair thusa, Air son an sgeoil, a chionn gu bheil e teachd: agus leaghaidh gach aona chridhe, ’s bidh na h-uile làmhan lag, is gach aon spiorad fann, is na h-uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e teachd, is bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia. 8 ¶ A rìs thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 9 A mhic an duine, dean fàisneachd, agus abair, Mar so deir an Tighearna, Abair, Tha claidheamh, tha claidheamh air a gheurachadh, agus fòs air a liomhadh. 10 Tha e air a gheurachadh a dheanamh àir ghoirt, tha e air a liomhadh a chum gu dealradh e; a chum gu tilgeadh [TD 222] ESECIEL. CAIB. XXI. e sios slat rioghail mo mhic, gun chrann air bith a chaomhnadh. 11 Agus thug e gu bhi air a liomhadh e, chum gu biodh e air a ghlacadh: tha an claidheamh air a gheurachadh, is tha e air a liomhadh, gu thoirt do laimh a mharbhaiche. 12 Eigh agus nuallaich, a mhic an duine, oir bidh e air mo shluagh-sa, air uile mhor-uaislean Israeil: bidh uabhasan, do thaobh a chlaidheimh, air mo shluagh: buail uime sin air do leis, 13 Oir tha e dearbhta; agus an t-slat rioghail, an uair nach coigil e i, cha bhi ann ni ’s mò, deir an Tighearna Dia. 14 Dean thusa uime sin, a mhic an duine, fàisneachd, agus buail do làmhan air a cheile, agus biodh an claidheamh an treas uair air a dhùblachadh, claidheamh nan saighdeara, claidheamh a’ ghaisgich, a theid a steach d’ an seomraichean uaigneach. 15 Chuir mi roinn a’chlaidheimh an aghaidh an geataichean uile, a chum gu meathadh an cridhe, ’s gu meudaichear am milleadh: ah, rinneadh loinreach e, gheuraicheadh air son an àir e. 16 Imich thusa taobh no taobh eigin, air do laimh dheis, no air do làimh chli, ciod air bith taobh a ta d’aghaidh. 17 Buailidh mise fòs mo làmhan air a cheile, ’s bheir mi air mo chorruich gu gabh i fois: mise Iehobhah thubhairt e. 18 Thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh a rìs, ag radh, 19 Mar an ceudna, a mhic an duine, sonraich dà shlighe dhuit fein, a chum gu tigeadh claidheamh righ Bhabiloin: thig araon an dithis a mach as an aon tìr, agus tagh thusa àite, tagh e aig ceann na slighe chum a’ bhaile. 20 Sonraich slighe, chum gu tigeadh an claidheamh gu Rabat nan Amonach, agus gu Iudah ann an Ierusalem, [a’ chaithir] dhaingeann. 21 Oir sheas righ Bhabiloin aig dealachadh na slighe, aig ceann an dà shlighe, a dheanamh fàisneachd: mheasg e a shaighdean, chuir e chomhairle ri dealbhan, sheall e anns an sgamhan. 22 Aig a laimh dheis bha’n fhàisneachd air son Ierusaleim, a dh’ orduchadh cheanna-feadhna, a dh’fhosgladh a’ bheoil anns an àr, a thogail a suas a’ ghutha le h-iolaich, a dh’ orduchadh reitheachan-cogaidh an aghaidh nan geataichean, a thilgeadh a suas torr, a thogail daighnich. 23 Agus bidh e dhoibhsan mar neach ri fàisneachd bhreige ’nan sealladh, dhoibhsan a thug mionnan: ach gairmidh e gu cuimhn’ an aingeachd, a chum gu biodh iad air an glacadh. 24 Air an aobhar sin, mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu d’ thug sibh air ’ur n-aingeachd a bhi air a cuimhneachadh, le’r n-easaontas a bhi air a leigeadh ris, air chor as gu bheil ’ur lochdan follas ’nur n-uile dheanadas: a chionn gu bheil sibh a’ deanamh mar sin, glacar an laimh sibh. 25 Agus thusa, a phrionnsa mhi-dhiadhaidh aingidh Israeil, aig am bheil do là air teachd, anns am bi crioch air aingeachd, 26 Mar so deir an Tighearna Dia, Atharruich an coron rioghail, is thoir dhiot an crùn: cha’n e ’n aon ceudna [bhios ann], arduich an t-iosal, agus ìslich an t-ard. 27 Tilgidh mi e bun os cionn, bun os cionn, bun os cionn, is [TD 223] ESECIEL. CAIB. XXII. cha bhi e ann, gus an tig esan aig am bheil còir air, agus [dhasan] bheir mi e. 28 Agus thusa, a mhic an duine, dean fàisneachd, agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia do thaobh nan Amonach, agus do thaobh am maslaidh: eadhon abair thusa, Tha an claidheamh, tha an claidheamh tairngte: air son an àir tha e liomhta; air son sgrios tha e mar dhealanaich. 29 (Am feadh a ta thu faicinn duit fein diomhanais, am feadh a ta thu fàisneachd dhuit fein bréige) a chum a thoirt air mhuinealaibh na muinntir a leonadh, nan aingidh aig am bheil an là air teachd, anns am bi crioch aig an ea-ceairt. 30 An toir mi air pilleadh air ais gu thruaill? Anns an àite san do chruthaicheadh thu, ann am fearann do dhùchais bheir mise breith ort. 31 Agus dòirtidh mi mach ort mo dhian-chorruich, séididh mi ort ann an teine m’ fheirge, ’s bheir mi thairis thu do laimh dhaoine brùideil, cleachdta ri milleadh. 32 Bidh tu mar chonnadh do’n teine: bidh d’ fhuil ann am meadhon an fhearainn, cha bhi thu ni ’s mò air chuimhne: oir mise Iehobhah labhair e. CAIB. XXII. THAINIG os barr focal an Tighearna do m’ionnsuidh, ag radh, 2 A nis, a mhic an duine, an tagair thu, an tagair thu a leth na caithreach fuiltich? seadh feuchaidh tu dhi a h-uile ghrainealachdan. 3 An sin abair thusa, Mar so deir an Tighearna Dia, Tha a’ chathair a’ dortadh fala ’na meadhon, a chum gu tigeadh a h-am, agus a’ deanamh iodhola ’na h-aghaidh fein, gu i fein a thruailleadh. 4 Tha thu air fàs ciontach ann a d’ fhuil a dhòirt thu, agus thruaill thu thu fein ann a d’iodholaibh a rinn thu, agus thug thu air do làithean teachd dlù, agus thainig thu chum do bhliadhnachan; uime sin rinn mise dhiot masladh do na cinnich, is ball-magaidh do na h-uile dhùchaibh. 5 Iadsan a ta dlù, agus fada uait, ni iad fanoid ortsa, ta mi-chliutach, a ta ri moran sàruchaidh. 6 Feuch tha uachdarain Israeil annad, gach aon do reir a chumhachd, a’ dhòrtadh fala. 7 Annadsa rinn iad dimeas air athair agus mathair: ann ad mheadhon bhuin iad le h-ain-neart ris a’ choigreach: annadsa shàruich iad an dilleachdan agus a’bhantrach. 8 Rinn thu tàir air mo nithe naomha-sa, agus thruaill thu mo shàbaidean. 9 Annadsa tha luchd-aithris sgeoil a dhòrtadh fala: agus annad tha iad ag itheadh air na sleibhtibh: ann ad mheadhon tha iad a’cur an gniomh neo-ghloine. 10 Annadsa leig iad ris lomnochduich’ an athar; dh’ìslich iad annad ise a chuireadh a thaoibh air son neo-ghloine. 11 Agus rinn aon gràinealachd le mnaoi a choimhearsnaich, is thruaill aon eile gu gràineil nighean a mhnatha, agus dh’ ìslich neach eile annad a phiuthar, nighean athar. 12 Annadsa ghabh iad cumha [TD 224] ESECIEL. CAIB. XXII. gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, is bhuannaich thu gu sanntach o d’ choimhearsnaich le h-ana-cothrom, is dhi-chuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia. 13 Feuch, uime sin bhuail mise mo lamh air do bhuannachd neo-ionraic a rinn thu, agus air d’fhuil a bha ann ad mheadhon. 14 An urradh do chridhe fulang, no ’n urradh do làmhan a bhi làidir anns na laithibh anns am buin mise riut? Mise Iehobhah labhair agus ni mi. 15 Agus sgapaidh mi thu measg nan cinneach, agus sgànraidh mi thu measg nan dùchannan, is bheir mi iomradh do neo-ghloine far nach saoil thu. 16 Agus bidh tu air do thruailleadh leis, ann an sealladh nan cinneach, is aithnichidh tu gur mise Iehobhah. 17 ¶ Agus thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 18 A mhic an duine, tha tigh Israeil air fàs dhomhsa mar shal, tha iad uile ’nan umha, agus ’nan stàn, agus ’nan iarunn, agus ’nan luaith, ann am meadhon na fuirneis; cha’n ’eil annta ach sal airgid. 19 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu d’fhàs sibh uile ’nur sal, feuch, uime sin cruinnichidh mise sibh gu meadhon Ierusaleim. 20 Mar a chruinnicheas iad airgiod, agus umha, agus iarunn, agus luaith, agus stàn gu meadhon na fuirneis, a chum an teine a shéideadh air, gus a leaghadh; is amhuil a chruinnicheas mise sibhse ann am chorruich, is ann am fheirg, agus fàgaidh mi sibh an sin, agus leaghaidh mi sibh. 21 Seadh, cruinnichidh mi sibh, agus séididh mi oirbh ann an teine mo chorruich, agus bidh sibh air ’ur leaghadh ’na mheadhon. 22 Mar a leaghar airgiod ann am meadhon na fuirneis, is amhluidh a leaghar sibhse ’na meadhon sin; agus aithnichidh sibh gu do dhòirt mise Iehobhah mach mo chorruich oirbh. 23 Agus thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 24 A mhic an duine, abair ris [an fhearann,] Is tusa am fearann nach ’eil air d’ uisgeachadh, air nach do thuit frasachd ann an là na dian-fheirge. 25 A chionn gu bheil fhaidhean ’na mheadhon, mar leomhann beucach, an tòir air a’ chreich, shluig iad anama: ghlac iad an t-ionnas is na nithe luachmhor: rinn iad a bhantraichean lionmhor ’na mheadhon. 26 Bhrist a shagairt mo reachd, is mhi-naomhaich iad mo nithe naomha: cha do chuir iad dealuchadh sam bith eadar an naomha ’s am mi-naomha, ni mò dh’fheuch iad ciod tha neo-ghlan agus ciod glan: agus dh’ fholuich iad an sùilean o m’ shàbaidean, is tha mi air mo mhi-naomhachadh ’nam measg. 27 Tha uachdarain ’na mheadhon mar mhadraibh-alluidh, ciocrach a chum creiche, a dhòrtadh fala, a sgrios anama, a dh’fhaotainn buannachd neo-ionraic. 28 Agus chomhdaich fhaidhean iad le [crè] gun oibreachadh, a’faicinn diomhanais, agus a’fàisneachd bhreug dhoibh, ag radh, Mar so deir an Tighearna Dia, ’nuair nach do labhair an Tighearna. [TD 225] ESECIEL. CAIB. XXIII. 29 Ghnathaich sluagh an fhearainn ain-neart, is chuir iad an gniomh reubainn, agus shàruich iad am bochd is am feumannach: seadh rinn iad foirneart air a’choigreach gu h-eucorach. 30 Agus dh’iarr mise air son duine ’nam measg a dheanadh a suas a’ challaid, agus a sheasadh anns a’ bhristeadh fa m’ chomhair air son an fhearainn, a chum nach sgriosainn e: ach cha d’fhuair mi aon neach. 31 Uime sin dhòirt mi mach orra mo dhian-chorruich, chaith mi iad le teine m’ fheirge: an slighe fein dhiol mi air an cinn, deir an Tighearna Dia. CAIB. XXIII. THAINIG focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa a rìs ag radh, 2 A mhic an duine, bha dithis ban ann, nigheanan na h-aona mhathar, 3 Agus rinn iad striopachas anns an Eiphit, rinn iad striopachas ’nan òige; an sin bha an uchd air air a bhruthadh, is an sin bhruthadh ciochan am maighdeanais. 4 Agus b’ iad an ainmean, Aholah ise bu shine, ’s Aholibah a piuthar: agus bu leamsa iad, agus rug iad mic agus nigheana: mar so an ainmean; is i Aholah Samaria, agus is i Aholibah Ierusalem. 5 Agus rinn Aholah striopachas an uair bu leams’ i, agus bha i ’n cion air a leannain, air na h-Asirianaich, a coimhearsnaich, 6 Sgeadaichte le gorm, ’nan cinn-fheadhna, agus ’nan luchd-riaghlaidh, iad uile ’nan òganaich aillidh, marc-shluagh a’ marcachd air eachaibh. 7 Mar so rinn i striopachas leo, leis a mheud as a bha do fhearaibh taghta ’n Asiria, ’s leis na h-uile air an robh a cion, le ’n iodholaibh uile shalaich i i fein. 8 Ni mò a sguir i d’a striopachas leis an Eiphit: oir ’na h-òige luidh iad leatha agus bhrùth iad ciochan a maighdeanais, is dhòirt iad oirre an striopachas. 9 Air an aobhar sin thug mise thairis i do làimh a leannan, do làimh nan Asirianach air an robh a cion. 10 Leig iad so ris a lomnochduiche, ghabh iad a mic agus a nigheanan, is mharbh iad i leis a’ chlaidheamh: agus dh’ fhàs i iomraiteach am measg bhan, oir thug iad oirre breitheanus. 11 Agus an uair a chunnaic a piuthar Aholibah so, bha i ni bu truaillidh ’na gradh neo-mheasarra na ise; agus ’na striopachas, ni bu mhò na a piuthar ’na striopachas. 12 Bha a cion air na h-Asirianaich a coimhearsnaich, cinn-fheadhna ’s luchd-riaghlaidh, sgeaduichte gu ro-sgiamhach, marc-shluagh a’ marcachd air eachaibh, iad uile ’nan òganaich aillidh. 13 An sin chunnaic mi gu robh i air a truailleadh, gu b’ ionan slighe dhoibh araon; 14 Ach gu deachaidh ise ni b’ fhaide ’na striopachas: oir ’nuair a chunnaic i daoine air an dealbh air a’ bhalla, iomhaighean nan Caldeach air an tarruing le corcur, 15 Criosluichte le criosaibh air an leasraidh, sgeadaichte le ceann-eideadh daithte air an ceannaibh, iad uile mar chinn-fheadhna, ri ’m [TD 226] ESECIEL. CAIB. XXIII. faicinn, cosmhuil ri macaibh Bhabiloin, a dh’àraich tir Chaldea. 16 Agus co luath as a chunnaic i iad le a sùilibh, ghabh i cion orra, agus chuir i teachdairean d’ an ionnsuidh gu Caldea. 17 Agus thainig na Babilonich da h-ionnsuidh gus an leaba ghaoil, is thruaill iad i le ’n striopachas; ach an deigh bhi air a truailleadh leo, bha a h-inntin air a claonadh air falbh uatha. 18 Mar sin leig i ris a striopachas, is leig i ris a lomnochduiche: an sin phill m’ inntin-sa uaipe, amhuil a phill m’ inntin o a piuthair. 19 Gidheadh mheudaich i a striopachas, le làithean a h-oige a ghairm gu cuimhne, anns an d’ rinn i striopachas ann an tìr na h-Eiphit. 20 Oir mhiannaich i a co-chèilidhean, aig am bheil am feoil mar fheoil asal, is an siol mar shiol each. 21 Mar so ghairm thu gu cuimhne neo-ghloine d’ òige, ann am bruthadh do bhrollaich leis na h-Eiphitich, ann am bruthadh ciocha d’ oige. 22 Air an aobhar sin, O Aholibah, mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, dùisgidh mise suas do leannain ann ad aghaidh, o’m bheil d’ inntin air claonadh, is bheir mi iad ann ad aghaidh air gach taobh; 23 Na Babilonich, is na Caldeich uile, Pecod, agus Soa, agus Coa, na h-Asirianaich uile maille riu: iad uile ’nan daoine aillidh, cinn-fheadhna, agus luchd-riaghlaidh, tighearnan mora agus iomraiteach, iad uile a’ marcachd air eachaibh. 24 Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadaibh, le cobhanaibh, agus le rothaibh, agus co-thional sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogaide, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanus fa’n comhair, is bheir iad breith ort do reir am breitheanais. 25 Agus cuiridh mise m’eud a’d’ aghaidh, agus buinidh iad gu ro-gharg riut: bheir iad air falbh do shròn agus do chluasan, agus tuitidh d’ fhuigheall leis a’ chlaidheamh: bheir iad leo do mhic agus do nigheanan, agus loisgear na dh’ fhàgar dhiot anns an teine. 26 Bheir iad dhiot mar an ceudna d’ eudach, is bheir iad air falbh do sheuda maiseach. 27 Mar so bheir mise air do neo-ghloine sgur annad, is air do striopachas le tìr na h-Eiphit: air chor as nach tog thu suas do shuilean riu, agus nach cuimhnich thu an Eiphit ni ’s mò. 28 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, bheir mise thairis thu do làimh na muinntir leis am fuathach thu, do laimh na muinntir o’m bheil do chridhe air claonadh. 29 Agus buinidh iad riut gu fuathach, agus bheir iad air falbh d’ uile shaothair, agus fàgaidh iad thu lom agus ruisgte, ’s bidh lomnochduiche do striopachais air a leigeadh ris, araon do ghràinealachd agus do striopachas. 30 Ni mise na nithe so riut, a chionn gu deachaidh tu le striopachas an deigh nan cinneach, a chionn gu bheil thu air do thruailleadh le’n iodholaibh. [TD 227] ESECIEL. CAIB. XXIII. 31 Ghluais thu ann an slighe do pheathar, uime sin bheir mise a cupan-sa ann a d’ laimh. 32 Mar so deir an Tighearna Dia, Olaidh tu do chupan do pheathar, domhain agus fairsing; nithear gàire fanoid riut, agus bithidh tu a d’ bhall-magaidh; is mòr na bheil ann. 33 Lionar thu le misg agus le doilghios, le cupan uabhais agus leir-sgrios, le cupan do pheathar Shamaria. 34 Ni thu fòs òl, agus a shùghadh a mach, agus bristidh tu a bhloighdean, agus spionaidh tu do chiocha fein asad: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia. 35 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Chionn gu do dhi-chuimhnich thu mise ’s gu do thilg thu mi air do chùaobh, air an aobhar sin giulain thusa fòs do ghràinealachd agus do striopachas. 36 Thuirt an Tighearna rium os barr, A mhic an duine, an toir thu breith air Aholah agus air Aholibah? seadh foillsich dhoibh an gràinealachdan; 37 Gu do chuir iad an gniomh adhaltrus, agus gu bheil fuil ’nan làmhan, agus le ’n iodholaibh gu d’ rinn iad adhaltrus, agus gu d’ thug iad fòs air am mic, a rug iad dhomhsa, siubhal air an son-san trìd [an teine,] d’ an losgadh. 38 Osbarr rinn iad so riumsa: thruaill iad m’ ionad naomha air an là sin fein, agus mhi-naomhaich iad mo shàbaidean. 39 Oir, an uair a mharbh iad an clann d’ an iodholaibh, an sin thainig iad air an là sin fein do m’ ionad naomha-sa gu thruailleadh; agus feuch, mar so rinn iad ann am meadhon mo thighe. 40 Agus a thuille air so, gu do chuir iad fios air daoine gu teachd o chéin, gus an do chuireadh teachdaire, agus feuch, thainig iad, air son an d’ rinn thu thu fein a nigheadh, do shùilean a dhath, agus thu fein a sgeadachadh le h-usgraichean. 41 Agus shuidh thu air leabaidh urramaich, is bord ulmhaichte f’a comhair, air an do chuir thu mo bholtrach-sa, agus m’ ola. 42 Agus bha guth na muinntir a bha ri seinn maille riu, is mor-chuideachd nam fear o Shaba, o’n fhàsaich, a chuir làmh-fhailean air an làmhan, is corona maiseach air an ceannaibh. 43 An sin thuirt mise rithe-se bha sean ann an adhaltrus, An dean iad a nis striopachas leatha, agus ise [leo-san?] 44 Gidheadh chaidh iad a steach d’ a h-ionnsuidh, mar a theid iad asteach gu striopaich: mar sin chaidh iad asteach gu Aholah agus gu Aholibah na mnathan neo-ghlan. 45 Agus bheir na daoine cothromach breith orra, do reir breith bhan-adhaltranach, agus do reir breith bhan a dhòirteas fuil; a chionn gur ban-adhaltranaich iad, is gu bheil fuil ’nan làmhan. 46 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Bheir mise nios cuideachd orra, ’s bheir mi iad gu bhi air an atharrachadh agus air an creachadh. 47 Agus clachaidh a’ chuideachd iad le clachaibh, is gearraidh iad a sios iad le’n claidhmhean; marbhaidh iad am mic agus an nigheanan, is loisgidh iad an tighean le teine. [TD 228] ESECIEL. CAIB. XXIV. 48 Mar so cuiridh mise cosgadh air gràinealachd anns an fhearann, a chum gu foghluim na h-uile mhnathan gun deanamh a reir ’ur gràinealachd-sa. 49 Agus dìolaidh iad ruibh ’ur grainealachd, agus giulainidh sibh lochdan ’ur n-iodhola, agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia. CAIB. XXIV. ARIS anns an naothamh bliadhna, anns an deicheamh mios, air an deicheamh [là] do’n mhios, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, sgriobh dhuit ainm an là, a’ cheart là so: chuir righ Bhabiloin e fein an aghaidh Ierusaleim air a’ cheart là so. 3 Agus labhair cosalachd ris an tigh cheannairceach, is abair ris, Mar so deir an Tighearna Dia, Cuir air coire, cuir air e, agus fòs dòirt ann uisge. 4 Cruinnich a mhìrean ann, gach aona mhìr maith, an t-sliasaid agus an slinnean; lion e le tagha nan cnàmh. 5 Gabh roghadh an treud, is loisg fòs na cnàmhan fuidhe, thoir goil bhras air, agus biodh a chnàmhan air am bruich ann. 6 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Is deacair do’n chaithir fhuiltich, do’n choire aig am bheil a shal ann, agus o nach deachaidh a shal amach uaithe; thoir a mach e ’mìr air mhìr, na tuiteadh crannchar air bith air. 7 Oir tha a fuil ’na meadhon, chuir i air mullach creige i, cha do dhòirt i air an talamh i chum a folach le duslach: 8 A chum gu d’ thugadh i air feirg teachd a nios a dheanamh dioghaltais: chur mise a fuil air mullach creige, chum nach biodh i air a falach. 9 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Is deacair do’n chaithir fhuiltich, ni mise fòs a’ chruach-theine mor. 10 Carnaibh connadh, fadaibh an teine, caithibh an fheoil, thugaibh dhi gu leor do theas, is loisgear na cnàmhan. 11 An sin cuir falamh e air eibhlibh, a chum gu teasaich a phrais, is gu loisg i, ’s gu biodh a salchar air a leaghadh innte, air chor as gu bi a sal air a chaitheamh. 12 Lean a sal rithe gu teann, is cha do dhealuich e rithe; tha a salchar mor, tha a salcharbreun. 13 B’ aill leamsa do ghlanadh, a thaobh gu robh thu neo-ghlan; ach o d’ shalchar cha’n ’eil thu air do shaoradh, ni mo bhitheas tu air do shaoradh am feasd, gus an toir mise air mo chorruich gu gabh i tàmh ort. 14 Mise Iehobhah labhair, thig e gu crich, agus coilionaidh mis’e, cha d’ theid mi air m’ ais, ni mò choigleas mi, no ghabhas mi aithreachas; a reir do shlighe, ’s a reir do dheanadais bheir iad breith ort, deir an Tighearna Dia. 15 Mar an ceudna thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh, ag radh, 16 A mhic an duine, feuch, bheireams’ air falbh uait miann do shùl le buille: gidheadh cha dean thu bròn no gul, ni mò shileas do dheoir. 17 Leig dhiot glaodhaich, na dean caoidh airson nam marbh, ceangail culaidh do chinn ort, is cuir do bhrògan air do chasaibh, agus na foluich do ghnuis, is na h-ith aran luchd-bròin. 18 Mar sin labhair mi ris an [TD 229] ESECIEL. CAIB. XXV. daoinibh anns a’ mhadainn, agus dh’ eug mo bhean mu an-moch; agus rinn mi sa’ mhadainn mar a dh’ àithneadh dhomh. 19 Agus thubhairt an sluagh rium, Nach innis thu dhuinn ciod ar gnothach-ne ris na nithe so, a ta thu deanamh? 20 An sin fhreagair mi iad, Thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh, ag radh, 21 Labhair ri tigh Israeil, Mar so deir on Tighearna Dia, Feuch, truaillidh mise m’ ionad-naomha, oirdheirceas ’ur treise, miann ’ur sùl, is an ni a’s caomh le ’r n-anam; agus ’ur mic is ’ur nigheanan a dh’ fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh. 22 Agus ni sibh mar a rinn mise: cha’n fholuich sibh ’ur n-aghaidh, is cha’n ith sibh aran luchd-bròin. 23 Agus bidh ’ur n-éideadh air ’ur ceannaibh, agus ’ur brògan air ’ur casaibh: cha dean sibh bròn no gul, ach seargaidh sibh as airson ’ur n-ea-ceairtean, is ni sibh bròn aon ri aghaidh a cheile. 24 Mar so tha Eseciel dhuibh ’na chomhara: do reir gach ni a rinn esan, ni sibhse: agus an uair a thig so, aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia. 25 Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là sam buin mise uatha an neart, aoibhneas an gloire, miann an sùl, agus sin air an suidhich iad an inntin, am mic agus an nigheana; 25 Gu d’ thig esan a theid as air an là sin do d’ ionnsuidh, a thoirt ort a chluinntinn le d’chluasaibh. 27 Anns an là sin fosglar do bheul do ’n ti theid as, agus labhraidh tu, ’s cha bhi thu ni ’s mò balbh, is bidh tu dhoibh mar chomhara, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah. CAIB. XXV. THAINIG focal an Tighearna a rìs do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh nan Amonnach, is dean fàisneachd ’nan aghaidh; 3 Agus abair ris na h-Amonaich, Cluinnibh focal an Tighearna Dia, Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu dubhairt thu, Aha, an aghaidh m’ ionaid naomha, ’nuair a thruailleadh e, ’s an aghaidh fearainn Israeil, an uair a bha e fàs, agus an aghaidh tighe Iudah, an uair a dh’ fhalbh iad ann am braighdeanas; 4 Feuch uime sin bheir mise thairis thu do mhuinntir na h-airde ’near mar sheilbh, agus suidhichidh iad annad an àrois, is ni iad an àiteacha-comhnuidh annad: ithidh iad do mheas, agus òlaidh iad do bhainne. 5 Agus ni mi Rabah ’na crò air son chàmhal, is clann Amoin ’na àite-luidhe do threudaibh: agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 6 Oir mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu do bhuail thu do lamhan, is gu do bhreab thu le d’ chasan, is gu d’ rinn thu gairdeachas ann ad chridhe, le d’ uile tharcuis, an aghaidh fearainn Israeil. 7 Feuch uime sin, sìnidh mise mach mo làmh ort, is bheir mi seachad thu mar chreich do na cinnich, is gearraidh mi thu mach o na slòigh, is bheir mi ort [TD 230] ESECIEL. CAIB. XXVI. diothachadh amach as na dùchannaibh: sgriosaidh mi thu, agus aithnichidh tu gur mi Iehobhah. 8 Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu bheil Moab agus Seir ag radh, Feuch, tha tigh Iudah cosmhuil ris na h-uile chinnich. 9 Air an aobhar sin feuch, fosglaidh mise taobh Mhoaib, a’ leigeadh ris nam bailtean a ta air iomall, maise na dùcha Bet-iesimot, Baal-meon, agus Ciriataim, 10 Do fhearaibh na h-airde ’near, maille ri cloinn Amoin, agus bheir mi iad mar sheilbh, a chum nach bi cuimhne air cloinn Amoin am measg nan cinneach. 11 Agus bheir mi breitheanas air Moab, is aithnichidh iad gur mi Iehobhah. 12 Mar so deir Tighearna Dia, A chionn gu do ghnathaich Edom dioghaltas trom an aghaidh tighe Iudah, agus gu d’ thug e oilbheum mor anns an dioghaltas a rinn e orra: 13 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Sìnidh mise fòs amach mo lamh air Edom, is gearraidh mi as duine agus ainmhidh uaithe, ’s ni mi fàs e o Theman, agus tuitidh muinntir Dhedain leis a’ chlaidheamh. 14 Agus leagaidh mi mo dhioghaltas air Edom le làimh mo shluaigh Israeil, agus ni iad ann an Edom do reir mo chorruich, is do reir mo dhian-fheirge, agus bidh fios mo dhioghaltais aca, deir an Tighearna Dia. 15 Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu do bhuin na Philistich gu dioghaltach, is gu d’ rinn iad dioghaltas le cridhe aingidh gu milleadh, airson an t-sean naimhdeis; 16 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, sìnidh mise mach mo làmh air na Philistich, is gearraidh mi as na Ceretich, is millidh mi fuigheall slios na fairge. 17 Agus ni mi dioghaltas mor orra le achasain gharga, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’nuair a leagas mi orra mo dhioghaltas. CAIB. XXVI. AGUS tharladh anns an aona bhliadhna deug, air a’ cheud [là] do’n mhios, gu d’ thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, A chionn gu dubhairt Tirus an aghaidh Ierusaleim, Aha, tha ise bha ’na dorsaibh do ’n t-sluagh briste: phill i chugam-sa, leasaichear mise nis, o chuireadh ise fàs: 3 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mis’ a’ d’ aghaidh, O Thiruis, is bheir mi air moran chinneach teachd a nios a’ d’ aghaidh, mar a bheir an fhairge air a tonnaibh teachd a nios. 4 Agus sgriosaidh iad ballachan Thiruis, is bristidh iad a sios a bàbhuinn: tairngidh mise fòs a duslach uaipe, ’s ni mi i mar mhullach creige. 5 Bidh i ’na h-ionad-sgaoilidh lion ann am meadhon na fairge: oir labhair mise, deir an Tighearna Dia, agus bidh i ’na creich do na cinnich. 6 Agus marbhar a nigheanan a ta sa’ mhachair leis a’ chlaidheamh, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah. 7 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, bheir mise air [TD 231] ESECIEL. CAIB. XXVI. Tirus, Nebuchadnesar righ Bhabiloin, righ righrean, o ’n airde tuath, le h-eachaibh, agus le carbadaibh, agus le marcaich, agus le cuideachdaibh, agus le moran sluaigh. 8 Marbhaidh e leis a’ chlaidheamh do nigheanan anns a’ mhachair, is ni e daighneach ann a’ d’ aghaidh, is tilgidh e suas torr a’d’ aghaidh, is togaidh e suas a’d’ aghaidh an sgiath. 9 Agus cuiridh e inneala-cogaidh an aghaidh do bhallachan, agus le thuaghaibh bristidh e sios do bhàbhuinn. 10 Le lionmhoireachd a chuid each, folaichidh an duslach thu, criothnaichidh do bhalla le toirm a’ mharc-shluaigh, agus nan rothan, agus nan carbadan, an tra theid e steach air do gheatacha, mara theid daoine steach air baile san d’ rinneadh bristeadh. 11 Le iongannaibh a chuid each saltraidh e sios do shràidean uile: marbhaidh e do shluagh leis a’ chlaidheamh, is theid do dhaighnichean làidir a sios gu làr. 12 Agus ni iad creach do d’ shaibhreas, is ni iad cobhartach do d’ cheannachd, is bristidh iad asios do bhallachan, is millidh iad do thighean taitneach, is leagaidh iad do chlachan, is d’fhiodh, is do dhuslach ann am meadhon an uisge. 13 Agus bheir mise air fuaim d’ òran sgur, agus cha chluinnear fonn do chlàrsach ni ’s mò. 14 Agus ni mi thu mar mhullach creige: bidh tu [ann ad ionad] gu sgaoileadh lion air: cha bhi thu air do thogail ni ’s mò: oir mise Iehobhah labhair, deir an Tighearna Dia. 15 Mar so deir an Tighearna Dia ri Tirus, Nach criothnuich na h-eileanan ri fuaim do leagaidh, tra dh’ éigheas a’ mhuinntir bhuailte, tra nithear an t-àr ann ad mheadhon? 16 An sin thig uile phrionnsacha na fairge ’nuas o’n ri-chaithrichibh, is cuiridh iad am falluingean a thaoibh, is cuiridh iad dhiubh an culaidhean gréise: éididh iad iad fein le ball-chrith, suidhidh iad air an làr, is criothnaichidh iad gach tiota, ’s bidh uabhas orra do d’ thaobh-sa. 17 Agus togaidh iad tuireadh air do shon, agus their iad riut, Cionnus a sgriosadh thusa bha air d’ àiteachadh le luchd-fairge, a’ chaithir iomraiteach a bha làidir anns an fhairge, i fein agus a luchd-àiteachaidh, a ta cur an eagail air na h-uile ta ’ga tathaich? 18 A nis criothnaichidh na h-eileanan ann an là do leagaidh; seadh bidh na h-eileanan a ta san fhairge fo bhuaireadh air son do shiubhail. 19 Oir mar so deir an Tighearna Dia, An trà ni mise dhiot caithir fhàs, mar na caithrichean nach ’eil air an àiteachadh, an tra bheir mi nios ort an doimhne, ’s thig na tuiltean mora tharad; 20 An tra bheir mi ort dol a sios leo-san a theid a sios do’n t-slochd, le muinntir na h-aimsir o shean, agus a chuireas mi thu ’n ionadaibh iochdrach na talmhainn, ann an ionadaibh fàs o shean, leo-san a theid a sios do’n t-slochd, air chor as nach bi thu air d’ àiteachadh, agus nach seas thu ni ’s mo ann an tìr nam beo: 21 Ni mi uabhas dhiot, is cha bhi thu ann: ge d’ iarrar thu, gidheadh cha’n fhaighear thu ni ’s mò gu bràth, deir an Tighearna Dia. [TD 232] ESECIEL. CAIB. XXVII. CAIB. XXVII. THAINIG focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa a rìs, ag radh, 2 A nis, a mhic an duine, tog suas tuireadh airson Thiruis; 3 Agus abair ri Tirus, O thusa ta air do shuidheachadh aig dol a steach na fairge, a ta d’cheannuiche do’n t-sluagh air son mhoran eileanan, Mar so deir an Tighearna Dia, O Thiruis, thubhairt thu, Tha mi ro-sgiamhach. 4 Tha d’iomall ann am meadhon na fairge, rinn do luchd-togail do mhaise foirfe. 5 Rinn iad d’ uile chlàra do chrannaibh giumhais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dheanamh chranna-siuil duit. 6 Do dharagaibh Bhasain rinn iad do ràmhan: rinn cuideachd nan Asurach do thotachan do chnàmha-deuda o eileanaibh Chitim. 7 B’ e anart grinn, le obair ghréise o ’n Eiphit, a sgaoil thu mach gu bhi ’na sheol duit; b’ e gorm agus purpur o eileanaibh Elisah, an ni sin a sgeadaich thu. 8 B’ iad luchd-àiteachaidh Shidoin agus Arbhaid do mharaichean: b’ iad do dhaoine glice bha annad, O Thiruis, luchd-stiuraidh do loingeis. 9 B’ iad seanoirean Ghebail, agus a dhaoine glice bha agad ’nan luchd-calcaidh, bha loingeis na fairge gu leir le ’m maraichibh annad, a chum do mhalairt a mheudachadh. 10 B’ iad muinntir Phersia, agus Luid, agus Phuit, d’ fhir-chogaidh, ann ad fheachd: thog iad a suas an sgiath agus a’ cheann-bheairt annad, chuir iad an ceill do mhaise. 11 Bha fir Arbhaid le d’ fheachd air do bhallachaibh mu ’n cuairt, is bha na Gamadich ann ad thùraibh: chroch iad an sgiathan air do bhallachaibh mu ’n cuairt: rinn iad do mhaise foirfe. 12 B’ i Tarsis do cheannuiche, do bhrì pailteis an uile storais; le airgiod, iarunn, stàn, agus luaith, rinn iad malairt ann ad mhargaidhean. 13 Iabhan, Tubal, agus Mesech, b’ iadsan do cheannuichean: reic iad pearsanna dhaoine, agus soithichean umha ann ad mhargadh. 14 Rinn muinntir Thogarmah malairt ann ad mhargaidhean le h-eachaibh, is le marc-shluagh, is le muileidibh. 15 B’ iad fir Dhedain do cheannuichean, moran eileanan malairt do laimhe: thug iad chugad mar thiolac, adharca deud-chnàmh, agus eboni. 16 B’ i Siria do cheannuiche air son lionmhoireachd nan oibre a rinn thu: rinn iad malairt ann a d mhargaidhean le emeraild, purpur, is obair ghréise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat. 17 B’ iad Iudah agus tìr Israeil do cheannuichean: reic iad ann ad mhargadh cruineachd Mhinnit, agus Pannag, agus mil, agus ola, agus ìce. 18 B’ e Damascus do cheannuiche ann an lionmhoireachd nan oibre a rinn thu, airson pailteis an uile shaibhreis: ann am fion Helboin, is ann an oluinn ghil. [TD 233] ESECIEL. CAIB. XXVII. 19 Rinn Dan fòs agus Iabhan, a’ dol air an ais is air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean; bha iarunn oibrichte, casia agus calamus ann ad mhargadh. 20 B’ e Dedan do cheannuiche ann an eudaichibh luachmhor air son charbad. 21 Rinn Arabia ’s uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uanaibh, agus ann an reitheachaibh, agus ann an gabhraibh: anns na nithibh so b’ iad do luchd-malairt. 22 Ceannuichean Sheba agus Raamah, b’ iadsan do cheannuichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le tagha nan uile spiosradh, is leis na h-uile chlachaibh luachmhor, agus le h-òr. 23 B’ iad Haran, agus Canneh, agus Eden, ceannuichean Sheba, Asuir, Chilmaid, do cheannuichean. 24 B’ iad so do luchd-malairt anns na h-uile nithibh, ann an eudaichibh, gorma, ’s ann an obair ghréise, ’s ann an cisteachan da chulaidhean riomhach, air an ceangal le cordaibh, agus deanta do sheudar am measg do mhalairt. 25 Sheinn longa Tharsis mu d’ thimchioll ann ad mhargadh, is bha thu air do lionadh, is air do dheanamh ro-ghlormhor ann am meadhon nan cuanta. 26 Thug do ràmhaichean thu gu uisgeacha mora: bhrist a’ ghaoth ’n ear thu ann am meadhon na fairge. 27 Do shaibhreas, agus do mhargadh, do mhalairt, do mharaichean, agus d’ fhir-stiuradh, do luchd-calcaidh, agus do luchd-malairt, agus d’ uile luchd-cogaidh a ta annad, is ann a d uile chuideachd a ta ann a d mheadhon, tuitidh ann am builsgean na fairge, ann an là do sgrios-sa. 28 Ri fuaim gaoire luchd-stiuraidh do loingeis criothnaichidh na bailtean mu ’n cuairt duit. 29 Agus thig na h-uile a ghlacas an ràmh, na maraichean, uile stiuradairean na fairge, ’nuas o’n longaibh, seasaidh iad air an tìr; 30 Agus bheir iad air an guth gu cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad a suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fein anns an luaithre. 31 Agus ni iad iad fein uile maol air do shon, agus criosluichidh iad iad fein ann an eudach saic, is guilidh iad air do shon le goirteas cridhe, le tuireadh geur. 32 Agus ’nan caoidh togaidh iad cumha air do shon, is ni iad bròn os do chionn; Cò bu chosail ri Tirus, bu chosail rithe-se ta millte ann am meadhon na fairge! 33 Tra chaidh d’ oibre a mach anns na fairgibh, shàsuich thu iomad sluagh, rinn thu beartach righrean na talmhainn le mor-phailteas do shaibhreis agus do mhalairt. 34 San am anns am bristear thu leis an fhairge ann an doimhneachd nan uisgeachan, tuitidh do cheannachd is do chuideachd gu h-iomlan ann a d mheadhon. 35 Bidh uabhas do d’thaobh air uile luchd-àiteachaidh nan eileanan, bidh eagal an-mhor air an righrean, bidh an gnùis fo bhuaireadh. 36 Bidh uamhunn air na ceannuichean am measg nan cinneach [TD 234] ESECIEL. CAIB. XXVIII. do d’ thaobh; bidh tuann ad uabhas, is ni ’s mò gu bràth cha bhi thu. CAIB. XXVIII. THAINIG focal an Tighearna do m’ ionnsuidh a rìs, ag radh, 2 A mhic an duine, abair ri prionnsa Thiruis, Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu bheil do chridhe air a thogail a suas, is gu dubhairt thu, Is dia mi, tha mi ’m shuidhe ann an caithir Dhe, ann am meadhon nan cuanta; gidheadh is duine thu agus cha Dia, ge do chuir thu do chridhe mar chridhe Dhe. 3 Feuch, is glice tu na Daniel; cha ’n ’eil diomhaireachd sam bith folaichte uait: 4 Le d’ ghliocas agus le d’ thuigse, fhuair thu dhuit fein maoin, agus fhuair thu òr agus airgiod ann a d thaisgeachaibh. 5 Le d’ ghliocas mor, le d’ mhalairt, mheudaich thu do shaibhreas, agus tha do chridhe air a thogail a suas le d’ bheartas. 6 Air an aobhar sin, mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu do chuir thu do chridhe mar chridhe Dhe; 7 Feuch uime sin bheir mise coimhich ort, uabhasaich nan cinneach, agus tairngidh iad an claidhmhean an aghaidh maise do ghliocais, agus truaillidh iad do dhealradh. 8 Cuiridh iad a sios do ’n t slochd thu, agus bàsaichidh tu le bàs na muinntir a mharbhar ann am meadhon na fairge. 9 An abairthu fathasd an làthair an ti mharbhas tu, Is dia mi? ach bidh tu a’d’ dhuine ’s ni h-ann a’d’ dhia ann an laimh an ti mharbhas tu. 10 Bàsaichidh tu le bàs nan neo-thimchioll-ghearrta, le làimh nan coimheach: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia. 11 Os barr, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 12 A mhic an duine, Tog suas caoidh os cionn righ Thiruis, agus abair ris, Mar so deir an Tighearna Dia, Tha do chumachd air gach doigh iomlan, làn do ghliocas, agus foirfe ann am maise. 13 Bha thu ann an Eden gàrradh Dhe; b’ e do chomhdachadh na h-uile clach luachmhor, an sardius, an topas, agus an daimon, am beril, an t-onics, agus an iasper, an saphir, an t-emerald, is an carbuncal, agus an t-òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phioban annad, anns an là san do chruthaicheadh thu. 14 Is tu an cherub ungta a chomhdaicheas: agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomha Dhe, shiubhail thu ann am meadhon nan clacha dealrach. 15 Bha thu foirfe ann ad shlighibh, o ’n là san do chruthaicheadh thu, gus an d’ fhuaradh annad aingeachd. 16 Le lionmhoireachd do mhalairt lion iad do mheadhon le h-ain-neart, agus pheacaich thu: uime sin tilgidh mise thu mar mhi-naomha mach o shliabh Dhe: agus sgriosaidh mi thu, O a Cheruib a chomhdaicheas! a meadhon nan clacha dealrach. 17 Bha do chridhe air a thogail asuas le d’ mhaise, thruaill thu do ghliocas le d’ dhealradh: tilg- [TD 235] ESECIEL. CAIB. XXIX. idh mise gu làr thu, cuiridh mi thu ’n làthair righrean gu bhi dhoibh a’ d’ bhall-amhairc. 18 Le lionmhoireachd d’ ea-ceairtean thruaill thu d’ ionada naomha, le ea-ceairt do mhalairt; uime sin bheir mise mach teine as do mheadhon, caithidh e thu, agus ni mise luath dhiot air an talamh, ann an sealladh nan uile a chi thu. 19 Iadsan uile d’ an aithne thu measg an t-sluaigh, bidh uabhas orra do d’ thaobh: bidh tu ann ad uamhunn, is cha bhi thu ann gu bràth ni ’s mò. 20 A rìs thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh ag radh, 21 A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Shidoin, agus dean fàisneachd na h-aghaidh. 22 Agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shidoin, is bidh mi air mo ghlorachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi Iehobhah, tra ni mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte. 23 Oir cuiridh mi innte plàigh, agus fuil ’na sràidibh, is bheirear breitheanas air an leonta ’na meadhon, leis a’ claidheamh a bhios oirre air gach taobh; agus aithnichidh iad gur mi Iehobhah. 24 Agus cha bhi dreas dhealgach ann ni ’s mò do thigh Israeil, no dreas a bheir doilghios, dhiubhsan uile mu ’n cuairt a ta ri tàir orra; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia. 25 Mar so deir an Tighearna Dia, an tra thionaileas mise tigh Israeil o na cinnich a ta iad air an sgapadh ’nam measg, agus a bhios mi air mo naomhachadh annta, ann an sealladh nan cinneach, an sin gabhaidh iad comhnuidh ’nam fearann a thug mise do m’ òglach Iacob. 26 Agus gabhaidh iad comhnuidh ann gu tearuinte, agus togaidh iad tighean, agus suidhichidh iad fion-liosan: seadh, gabhaidh iad comhnuidh le dànachd, an uair a ni mise breitheanas orra-san uile ta deanamh tàir orra gach taobh mu ’n cuairt doibh, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah an Dia. CAIB. XXIX. ANNS an deicheamh bliadhna, anns an deicheamh [mios,] air an dara [là] deug do’n mhios, thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh-sa, ag radh, 2 A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Pharaoih righ na h-Eiphit, agus dean fàisneachd ’na aghaidh-san, agus an aghaidh na h-Eiphit uile. 3 Labhair agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise a’d’ aghaidh, o Pharaoih, a righ na h-Eiphit, an uabheist mhor a ta ’na luidhe ann am meadhon aibhnichean fein, a thubhairt, Is leam fein m’abhann, rinn mi air mo shon fein i. 4 Ach cuiridh mise dubhain ann ad ghialaibh, is bheir mi air iasg d’ aibhnichean leantuin ri d’lannaibh, is bheir mi nios thu a meadhon d’ aibhnichean, agus leanaidh uile iasg d’ aibhnichean ri d’ lannaibh. 5 Agus treigidh mise thu san fhàsaich, thu fein agus uile iasg d’aibhnichean: tuitidh tu air na [TD 236] ESECIEL. CAIB. XXIX. machraichibh sgaoilte, cha bhi thu air do thional, no air do chruinneachadh le cheile: thug mise thu mar bhiadh do bheathaichibh na machrach, is do eunlaith an adhair. 6 Agus aithnichidh uile luchd-àiteachaidh na h-Eiphit gur mise Iehobhah, a chionn gu robh iad ’nan luirg chuilce do thigh Israeil. 7 ’Nuair a ghlac iad thu, bhrist thu ’nan laimh, agus reub thu an lamh uile: agus ’nuair a leig iad an taice riut, bhrist thu, agus dh’ fhàg thu an leasraidh uile gun taic. 8 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, bheir mise claidheamh ort, is gearraidh mi mach asad duine ’s ainmhidh. 9 Agus bidh tìr na h-Eiphit falamh agus fàs, aithnichidh iad gur mise Iehobhah; a chionn gu dubhairt e, Is leamsa an abhann, agus is mi a rinn i. 10 Feuch uime sin, tha mise ann ad aghaidh, agus an aghaidh d’ aibhnichean, is ni mi tìr na h-Eiphit gu tur fàs agus falamh, o thùr Shiene eadhon gu iomall Etiopia. 11 Cha ’n imich cas duine sam bith roimpe, is cha ’n imich cas ainmhidh roimpe, ni mò bhios i air a h-àiteachadh rè dà fhichead bliadhna. 12 Agus ni mi tìr na h-Eiphit fàs ann am meadhon nan dùchanna ta fàs, agus bidh a caithrichean, ann am meadhon nan caithrichean a ta falamh, air an deanamh ’nam fasaich rè dà fhichead bliadhna: agus sgapaidh mise na h-Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad feadh nan dùchannan. 13 Gidheadh mar so deir an Tighearna Dia, An ceann dà fhichead bliadhna cruinnichidh mise na h-Eiphitich, o na cinnich anns an robh iad air an sgaoileadh. 14 Agus bheir mi air a h-ais bruid nan Eiphiteach is bheir mi orra pilleadh gu fearann Phatrois, gu dùthaich an comhnuidh, agus bidh iad an sin ’nan rioghachd shuarraich. 15 Bidh i suarrach seach gach rioghachd, is cha ’n arduich i i fein ni ’s mò am measg nan cinneach: oir lughdaichidh mise iad, air chor as nach riaghlaich iad ni’s mò os cionn nan cinneach. 16 Agus cha bhi i ni ’s faide ’na dòchas aig tigh Israeil, a bheir an easaontas gu cuimhne, tra sheallas iad ’nan deigh: ach aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia. 17 Agus tharladh anns an t-seachdamh bliadhna fichead, anns a’cheud [mhios] air a’ cheud [là] do ’n mhios, gu d’ thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 18 A mhic an duine, thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin air a shluagh seirbhis mhor a dheanamh an aghaidh Thiruis: rinneadh gach ceann maol, is gach guala lom; gidheadh cha robh tuarasdal air bith aige fein, no aig a shluagh, air son Thiruis, air son na seirbhis a rinn e ’na h-aghaidh. 19 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, bheir mise tìr na h-Eiphit do Nebuchadnesar righ Bhabiloin, agus glacaidh e a sluagh, agus glacaidh e a creach, agus glacaidh e a cobhartach, agus bidh sin ’na thuarasdal aig a shluagh. [TD 237] ESECIEL. CAIB. XXX. 20 Thug mise dha tìr na h-Eiphit, air son a shaoithreach leis an d’oibrich e ’na h-aghaidh; a chionn gu d’oibrich iad air mo shon-sa, deir an Tighearna Dia. 21 Anns an là sin bheir mi air adharc tighe Israeil bristeadh a mach, agus bheir mi dhuitsa fosgladh a’ bheoil ’nam meadhon, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah. CAIB. XXX. THAINIG focal an Tighearna do m’ ionnsuidh a rìs, ag radh, 2 A mhic an duine, dean fàisneachd agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Deanuibh ulartaich; Och, an là! 3 Oir tha an là dlu, eadhon la an Tighearn dlu, là neulach, am nan cinneach a bhios ann. 4 Agus thig an claidheamh air an Eiphit, is bidh cràdh mor ann an Etiopia, ’nuair a thuiteas iadsan a mharbhar anns an Eiphit, agus bheir iad a sluagh air falbh, is bristear a sios a bunaitean. 5 Etiopia, agus Libia, agus Lidia, ’s an sluagh coimeasgta gu leir, agus Chub, agus muinntir na tìre ta ’n co-cheangal, tuitidh leosan leis a’ chlaidheamh. 6 Mar so deir an Tighearna, Tuitidh iadsan fòs a ta cumail a suas na h-Eiphit, is thig uabhar a cumhachd a nuas: o thùr Siene tuitidh iad innte leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia. 7 Agus bidh iad fàs ann am meadhon nan dùchanna fàsail, agus bidh a caithrichean ann am meadhon nan caithrichean ata falamh. 8 Agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’nuair a chuireas mi teine san Eiphit, agus a sgriosar a h-uile luchd-cuideachaidh. 9 Anns an là sin theid teachdairean a mach uamsa chum an t-sluaigh a ta san fhàsaich, a chur eagail air na h-Etiopich air nach ’eil cùram, is thig cràdh mor orra, mar ann an là na h-Eiphit: oir feuch, tha e teachd. 10 Mar so deir an Tighearna Dia, Cuiridh mise fòs cosgadh air mor-shluagh na h-Eiphit le làimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin. 11 Bheirear e fein agus a shluagh maille ris, a’ chuid a’s uabhasaiche do na cinnich, a sgrios na tìre: agus tairngidh iad an claidheamh an aghaidh na h-Eiphit, is lionaidh iad an talamh le mairbh. 12 Agus ni mise na h-aibhnichean tioram, is reicidh mi am fearann ri laimh nan aingidh, agus ni mi an tìr fàs, agus na h-uile ta innte, le laimh nan coimheach: mise Iehobhah labhair. 13 Mar so deir an Tighearna Dia, Sgriosaidh mi fòs na h-iodholan, agus dìthichidh mi iomhaighean a mach a Noph: agus cha bhi ann ni ’s mò prionnsadh air tìr na h-Eiphit, agus cuiridh mi eagal ann am fearann na h-Eiphit. 14 Agus ni mi Patros ’na fhàsaich, is cuiridh mi teine ann an Soan, is ni mi breitheanais ann an No. 15 Agus dòirtidh mi mo chorruich air Sin, neart na h-Eiphit, is gearraidh mi as Hamon-No. 16 Agus cuiridh mi teine anns [TD 238] ESECIEL. CAIB. XXXI. an Eiphit, bidh cràdh mor air Sin, is reubar No as a cheile, ’s bidh Noph gach là ann an airc. 17 Tuitidh òganaich Abhein agus Phibeseit leis a’ chlaidheamh, is imichidh [na bailtean] so gu daorsa. 18 Ann an Tahapanes fòs bidh an là dorcha, ’nuair a bhristeas mise an sin cuing na h-Eiphit: agus sguiridh mor-chuis a neart innte: seadh, folaichidh neul i, agus theid a nigheanan air falbh am braighdeanus 19 Mar so ni mise breitheanuis anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi Iehobhah. 20 ¶ Agus tharladh anns an aona bhliadhna deug, anns a’ cheud. [mhios,] air an t-seachdamh [là] do ’n mhios, gu d’ thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh-sa, ag radh, 21 A mhic an duine, Bhrist mise gardean Pharoih righ na h-Eiphit; agus feuch, cha cheanglar e suas gu bhi air a leigheas, a chur crios air d’a cheangal, d’a dheanamh làidir a chumail a chlaidheimh. 22 Uime sin mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise an aghaidh Pharaoih righ na h-Eiphit, is bristidh mi a ghairdeanan [e sin a ta] làidir, agus [e sin] a bhristeadh; agus bheir mi air a’ chlaidheamh tuiteam as a laimh. 23 Agus sgapaidh mi na h-Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad feadh nan dùchannan. 24 Agus neartaichidh mi gairdeanan righ Bhabiloin, is cuiridh mi mo chlaidheamh ’na làimh: ach bristidh mi gairdeanan Pharaoih, agus ni e caoiran ’na fhianuis mar dhuine buailte a’ dol do’n eug. 25 Ach neartaichidh mi gairdeanan righ Bhabiloin, agus tuitidh gairdean Pharaoih sios; agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’nuair a chuireas mi mo chlaidheamh ann an làimh righ Bhabiloin, agus a shìneas e ’mach e air tìr na h-Eiphit. 26 Agus sgapaidh mi na h-Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad feadh nan dùchannan, agus aithnithichidh iad gur mi Iehobhah. CAIB. XXXI. AGUS tharladh anns an aona bhliadhna deug, anus an treas [mios,] air a’ cheud [là] do ’n mhios, gu d’ thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, labhair ri Pharaoh righ na h-Eiphit, agus ri mhor-chuideachd, Cò ris is cosmhuil thu ann ad mhòrachd? 3 Feuch bu chrann seudair ann an Lebanon an t-Asirianach, le geugaibh maiseach, is le sgàile dorcha, agus le airde mhoir; agus bha a bharr am measg nam meangana tiugha. 4 Thug na h-uisgeachan air fàs, dh’ àraich an doimhne suas e, ruith a sruithean mu thimchioll a mheanglan, is chuir i mach a sruthana beaga chum uile chraobha na machrach. 5 Uime sin dh’ eirich airde suas oscionn uile chraobha na machrach, agus bha a mheangana lionmhor, is dh’fhàs a gheugan fada, le lionmhoireachd nan uisgeachan, an uair a sgaoil e mach. 6 Rinn uile eunlaith nan speur [TD 239] ESECIEL. CAIB. XXXI. an nid ’na gheugaibh, is fuidh a gheugaibh rug uile bheathaichean na machrach an àlach, agus fuidh a sgàile ghabh cruinneachadh mhoran chinneach comhnuidh. 7 Mar so bha e maiseach ’na mhòrachd, ann am fad a gheug: oir bha a fhreumh ri taobh nan uisgeacha mora. 8 Cha b’ urra na seudair ann an gàrradh Dhe fholach: cha robh na craobha giumhais cosmhuil r’a mheanganaibh, no na craobha geanm-chò cosmhuil r’a gheugaibh; cha robh crann air bith ann an gàrradh Dhe cosmhuil ris ’na mhaise. 9 Rinn mi maiseach e le lionmhoireachd a gheug; ionus gu do ghabh uile chraobhan Edein, a bha ann an gàrradh Dhe, farmad ris. 10 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu d’ rinn e uaill as airde, ’s gu do chuir e suas a bharr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail a suas ’na airde; 11 Uime sin thug mi thairis e do làimh aon chumhachdaich nan cinneach: buinidh esan ris mar a thoill e, dh’ fhuadaich mise a mach e air son a chionta. 12 Agus ghearr coimhich, a’ chuid is uabhasaiche do na cinnich amach e, agus dh’ fhàg iad e: air na sleibhtibh agus anns na gleannaibh uile thuit a gheugan, is tha a mheangain air am bristeadh anns gach uile chearnaidh do’n talamh, agus dh’ imich uile shluagh an domhain asios o a sgàile, agus threig iad e. 13 Air a sgrios gabhaidh uile eunlaith an adhair comhnuidh, is bidh uile bheathaiche na machrach air a gheugaibh. 14 A chum nach ardaicheadh crann air bith do chrannaibh nan uisgeachan iad fein airson an airde, ’s nach cuireadh iad a suas am barr am measg nan tiugh-gheugan, ni mò sheasadh an crainn a suas ’nan airde, gach aon ag òl a suas nan uisgeachan: oir tha iad uile air an toirt thairis gu bàs, do ionadaibh iochdrach na talmhainn, ann am meadhon chloinn nan daoine, maille riu-san a theid sios do’n t-slochd. 15 Mar so deir an Tighearna Dia, Anns an là air an deachaidh e sios do’n uaigh, thug mise fanear caoidh a dheanamh, chomhdaich mi air a shon an doimhne, ’s choisg mi a tuiltean, agus bhacadh na h-uisgeacha mora; thug mi fòs air Lebanon caoidh air a shon, is dh’ fhannuich air a shon uile chraobha na machrach. 16 Thug mi air na cinnich criothnachaddh ri fuaim a leagaidh, ’nuair a thilg mi e sios do’n ionad iochdrach, leo-san a theid sios do ’n t-slochd: agus bidh an co-fhurtachd ann an ionadaibh iochdrach na talmhainn aig uile chraobhan Edein, rogha ’s tagha Lebanoin, na h-uile ta ’g òl a suas an uisge. 17 Chaidh iadsan mar an ceudna sios do ’n ionad iochdrach maille ris, a chum na dream a mharbhadh leis a’ chlaidheamh; agus [iadsan] bu ghairdean da, a ghabh comhnuidh fuidh a sgàile ann am meadhon nan cinneach. 18 Cò mata ris an cosmhuil thusa mar so ann an glòir is ann am mòrachd am measg chraobhan Edein? gidheadh bheirear a sios [TD 240] ESECIEL. CAIB. XXXII. thu maille ri craobhan Edein gu àiteachan iochdrach na talmhainn: luidhidh tu ann am meadhon nan neo-thiomchioll-ghearrta, maille riu-san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: so Pharaoh agus a mhor-chuideachd uile, deir an Tighearna Dia. CAIB. XXXII. AGUS tharladh anns an dara bliadhna deug, air a’ cheud [là] do ’n mhios, gu d’ thainig focal an Tighearna chugam-sa ag radh, 2 A mhic an duine, tog suas tuireadh airson Pharaoih righ na h-Eiphit, agus abair ris, Is cosmhuil thu ri leomhann òg do na cinnich, is tha thu mar uabheist anns na cuantaibh: agus thainig thu mach le d’ shruthaibh, is chuir thu troi’ cheile na h-uisgeachan le d’ chasaibh, agus shalaich thu an aibhnichean. 3 Mar so deir an Tighearna Dia, sgaoilidh mise uime sin mo lion tharad, le cuideachd mhoran chinneach, agus bheir iad a nios thu ann am lion. 4 An sin fàgaidh mi air an talamh thu, tilgidh mi mach air an fhaiche luim thu, ’s bheir mi air uile eunlaith an adhair luidhe ort, is bheir mi do uile bheathaichibh na talmhainn an sàth dhiot. 5 Agus cuiridh mi d’ fheoil air na sleibhtean, is lionadh mi na glinn le d’ ghaorr. 6 Uisgichidh mi fòs le d’ fhuil am fearann anns am bheil thu a’ snàmh, gu ruig na sleibhtean; agus bidh na h-aibhnichean làn diot. 7 Agus, anuair a chuireas mi as thu, folaichidh mi na neamha, is ni mi an reulta dorcha: comhdaichidh mi a’ ghrian le neul, is cha toir a’ ghealach seachad a solus. 8 Uile sholuis loinreach neamha ni mi dorcha os do chionn, is cuiridh mi dorchadas air d’ fhearann, deir an Tighearna Dia. 9 Cuiridh mi fòs aimheal air cridheachan mhoran dhaoine, tra bheir mi do leir-sgrios am measg nan cinneach, gus na dùchanna nach b’ aithne dhuit. 10 Seadh, cuiridh mi air moran daoine uabhas do d’ thaobh, is bidh eagal ro-mhor air an righrean air do shon, tra liomhas mise mo chlaidheamh ’nan lathair, agus criothnaichidh iad ann an tiota; gach aon airson a bheatha fein, ann an là do leagaidh-sa. 11 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Thig claidheamh righ Bhabiloin ort. 12 Le claidhmhean nan cumhachdach bheir mise air do mhor-chuideachd tuiteam, leo-san uile ’s uabhasaiche do na cinnich; agus millidh iad mòr-chuis na h-Eiphit, is bidh a mòr-shluagh gu leir air an sgrios. 13 Sgriosaidh mi fòs a h-ainmhidhean uile o thaobh nan uisgeacha mòra, ’s cha chuir cas duine dragh orra tuille, ni mò ghluaisear iad le ionga ainmhidh. 14 An sin ni mise an uisgeachan soilleir, is bheir mi air an aibhnichean ruith mar ola, deir an Tighearna Dia. 15 Tra ni mi tìr na h-Eiphit ’na fàsaich, agus a bhios an duthaich falamh do ’n ni sin d’an robh [TD 241] ESECIEL. CAIB. XXXII. i làn, tra bhuaileas mi na h-uile ta chomhnuidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise Iehobhah. 16 So an cumha leis an tuir iad os a cionn: ni nigheana nan cinneach caoidh air a son: ni iad caoidh air a son, air son na h Eiphit, agus air son a mor-shluaigh uile, deir an Tighearna Dia. 17 Tharladh mar an ceudna san dara bliadhna deug, air a’ chuigeamh [là] deug do ’n mhios, gu d’ thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 18 A mhic an duine, dean cumha air son mor-shluaigh na h-Eiphit, is tilg a sios i, i fein agus nigheana nan cinneach iomraiteach, gu ionadan iochdrach na talmhainn, maille riu-san a theid sios do ’n t-slochd. 19 Cò air am bheil thu toirt barr ann am maise? imich a sios, agus luidh leis na neo-thimchioll-ghearrta. 20 Tuitidh iad ’nam meadhon-san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: thugadh thairis do ’n chlaidheamh i; tairngibh a mach i fein agus a sluagh gu h-iomlan. 21 Labhraidh cinn-fheadhna nan cumhachdach ris o mheadhon an ionaid iochdraich, maille riu-san a chuidich leis: chaidh iad a sios, tha iad ’nan luidhe leis na neo-thimchioll-ghearrta a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. 22 Tha Asur an sin agus a chuideachd uile: tha uaighean-san m’a thimchioll: tha iad uile marbh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh. 23 Tha uaighean air an suidheachadh air gach taobh do ’n t-slochd, is tha a chuideachd mu thimchioll uaighe: iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh, a dhùisg uabhas ann an tìr nam beo. 24 An sin tha Elam, agus a shluagh uile mu thimchioll uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan asios neo-thiomchioll-ghearrta gu ionadan iochdrach na tàlmhainn, a dhùisg uabhas ann an tìr nam beo, gidheadh ghiulain iad an nàire leo-san a chaidh sios do ’n t-slochd. 25 Ann am meadhon nam marbh shuidhich iad leaba dha maille r ’a uile shluagh: tha an uaighean m ’a thimchioll, iad uile neo-thimchioll-ghearrta, air am marbhadh leis a’ chlaideamh: ge do dhùisgeadh an uabhas ann an tìr nam beo, gidheadh ghiulain iad an nàire leo-san a chaidh sios do ’n t-slochd: chuireadh e ann am meadhon na muinntir a mharbhadh. 26 An sin tha Mesech, Tubal, agus a shluagh uile; tha an uaighean m’ a thimchioll: iad uile neo-thimchioll-ghearrta, air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, ge do sgaoil iad an uabhas ann an tìr nam beo. 27 Seadh luidh iad leis na cumhachdaich, a thuit do na neo-thimchioll-ghearta, a chaidh sios do ifrinn le ’n armaibh cogaidh: agus chuir iad an claidhmhean fui ’n cinn, ach bidh an aingeachd air an cnàmhan, ge b’ iad uabhas nan cumhachdach ann an tìr nam beo. 28 Seadh bristear thu ann am meadhon nan neo-thimchoill-ghearrta, agus luidhidh tu leo- [TD 242] ESECIEL. CAIB. XXXIII. san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. 29 An sin tha Edom, a righrean, agus a phrionnsachan uile, a ta le’n neart’nan luidhe ann am fochair na muinntir a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: luidhidh iad leis na neo-thiomchoill-ghearrta, agus leo-san a theid sios do ’n t-slochd. 30 An sin tha prionnsachan na h-airde tuath, an t-iomlan diubh, agus na Sidonich uile, a chaidh sios leis na mairbh, le ’n uabhas tha nàir’ orra d’ an cumhachd, is tha iad ’nan luidhe neo-thimchoill-ghearrta leo-san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, agus a’ giulan an nàire leo-san a theid sios do ’n t-slochd. 31 Chi Pharaoh iad, is bidh co-fhurtachd aige os cionn a mhor-chuideachd uile, [eadhon] Pharaoh agus fheachd gu leir air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia. 32 Oir dhùisg mise m’ uabhas ann an tìr nam beo: agus suidhichear esan ann am meadhon nan neo-thimchoill-ghearrta, leo-san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, Pharaoh agus a shluagh gu leir, deir an Tighearna Dia. CAIB. XXXIII. ARIS thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, labhair ri cloinn do shluaigh, agus abair riu, ’Nuair a bheir mise an claidheamh air dùthaich, ma ghabhas muinntir na dùcha duine d’ an criochaibh fein, agus gu cuir iad e gu bhi ’na fhear-faire dhoibh: 3 Ma sheideas e ’n trompaid, ’nuair a chi e an claidheamh a’ teachd air an fhearann, agus ma bheir e rabhadh do ’n t-sluagh, 4 An sin cò air bith a chluinneas fuaim na trompaid, is nach gabh rabhadh; ma thig an claidheamh, is gu toir e air falbh e, bidh fhuil air a cheann fein. 5 Chuala e fuaim na trompaid, is cha do ghabh e rabhadh, bidh fhuil air fein: ach esan a ghabhas rabhadh tearnaidh e anam. 6 Ach ma chi am fear-faire an claidheamh a’ teachd, is nach sèid e ’n trompaid, is nach faigh an sluagh rabhadh, ma thig an claidheamh, agus gu toir e aon neach air falbh uatha, tha e air a thoirt air falbh ’na aingeachd: ach iarruidh mise fhuil air làimh an fhir-fhaire. 7 Mar sin thusa, a mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire chum tighe Israeil: uime sin eisdidh tu am focal o m’bheul-sa, agus bheir thu dhoibh rabhadh uamsa. 8 ’Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhin bàs; mur labhair thusa chum an t-aingidh a thoirmeasg o shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs ’na aingeachd: ach air do laimh-sa iarruidh mise fhuil. 9 Gidheadh, ma bheir thusa rabhadh do ’n aingidh mu thimchioll a shlighe, gu pilleadh uaipe: mur pill e o shlighe, gheibh e bàs ’na aingeachd, ach thearainn thusa d’ anam. 10 Uime sin, a mhic an duine, labhair thusa ri tigh Israeil, Mar so deir sibh, ag radh, Ma bhios ar cionta ’s ar lochdan oirn, is [TD 243] ESECIEL. CAIB. XXXIII. gu searg sinn annta, cionnus a dh’fheudas sinn mar sin bhi beo? 11 Abair riu, Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, cha ’n ’eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh, ach gu pilleadh an t-aingidh o shlighe ’s gu biodh e beo: pillibhse, pillibhse, o ’r droch shlighibh, c’ ar son a bhàsaicheas sibh, O thigh Israeil? 12 Uime sin, a mhic an duine, abair thusa ri cloinn do shluaigh, Cha dean fireantachd an fhirein a shaoradh ann an là a chionta: agus ’na aingeachd cha tuit an t-aingidh anns an là sam pill e o chionta; ni mò dh’ fheudas am firean a bhi beo air son [fhireantachd] anns an là sam peacaich e. 13 ’Nuair a their mise ris an fhirean gu mair e gu deimhin beo: ma ni e bun as fhireantachd fein, agus gu dean e aingeachd, cha chuimhnichear uile fhireantachd; ach air son aingeachd a rinn e, air son sin gheibh e bàs. 14 A rìs, an uair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu deimhin bàs: ma philleas e o pheaca, ’s gu dean e an ni sin a ta dligheach agus ceart; 15 Ma bheir an t-aingidh air ais an geall, is gun aisig e a rìs an ni a ghoid e, gu gluais e ann an reachdaibh na beatha, gun aingeachd a chur an gniomh; mairidh e gu deimhin beo, cha ’n fhaigh e bàs. 16 Cha chuimhnichear dha lochd air bith a rinn e: rinn e an ni ta dleasnach agus ceart; mairidh e gu cinnteach beo. 17 Gidheadh a deir clann do shluaigh-sa, Cha ’n ’eil slighe an Tighearna cothromach. Ach air an son-san, cha ’n ’eil an slighe cothromach. 18 ’Nuair a philleas am firean air ais o fhireantachd, agus a chuireas e ’n gniomh aingeachd, gheibh e bàs d’a chionn. 19 Ach ma philleas an t-aingidh air falbh o aingeachd, agus gu dean e an ni sin a ta dleasnach agus ceart, mairidh e beo d’a chionn. 20 Gidheadh a deir sibh, Cha’n ’eil slighe an Tighearna cothromach: O thigh Israeil, bheir mise breith oirbh, air gach aon do reir a shlighe. 21 ¶ Agus tharladh anns an aona bhliadhna deug d’ ar bruid, anns an deicheamh [mios,] air a’ chuigeamh [là] do ’n mhios, gu d’thainig aon a theich o Ierusalem do m’ionnsuidh-sa, ag radh, Bhuaileadh am baile. 22 Agus bha lamh an Tighearna orm anns an anmoch, mu’n thainig esan a theich, is dh’fhosgail i mo bheul gus an d’ thaing e chugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, is cha robh mi ni bu mhò balbh. 23 An sin thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 24 A mhic an duine, tha iadsan a ta ’g àiteachadh nan ionada fàs sin fearainn Israeil a’labhairt, ag radh, Bha Abraham ’na aonar, is shealbhaich e am fearann: ach tha sinne lionmhor, thugadh am fearann dhuinn mar sheilbh. 25 Air an aobhar sin abair riu, Mar so deir an Tighearna Dia, Tha sibh ag itheadh maille ris an fhuil, agus a togail ’ur sùl a suas ri ’r n-iodholaibh, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhuich sibh am fearann? 26 Tha sibh a’ seasamh air ’ur [TD 244] ESECIEL. CAIB. XXXIV. claidheamh, tha sibh a’ deanamh gràinealachd, agus a’ truailleadh gach aon mnà a choimhearsnaich; agus an sealbhuich sibh am fearann? 27 Abair thusa riu mar so, Mar so deir an Tighearna Dia, Mar is beo mise, gu deimhin tuitidh iadsan a ta anns na h-ionadaibh fàsa leis a’ chlaidheamh, agus esan a ta sa’ mhachair sgaoilte bheir mhise do na beathaichibh r’a itheadh, agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daighnichibh is anns na h-uamhaibh leis a’ phlàigh. 28 Oir fàgaidh mise am fearann ro-fhàsail, agus sguiridh morachd a threise: agus bidh sleibhtean Israeil fàs, air chor as nach d’ theid aon neach rompa. 29 An sin aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’nuair a ni mi am fearann ro-fhàsail, air son an uile ghràinealachdan a chuir iad an gniomh. 30 Agus thusa, a mhic an duine, tha clann do shluaigh an comhnuidh a’ labhairt umad ri taobh nam ballachan, is ann an dorsaibh nan tighean, agus a’ labhairt aon r’a cheile, gach aon r’a bhrathair, ag radh, Thigibh, guidheam oirbh, agus eisdibh ciod am focal a ta teachd a mach o Iehobhah. 31 Agus tha iad a’ teachd do d’ ionnsuidh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad lathair mar mo phobull-sa, agus tha iad ag eisdeachd do bhriathran, ach cha ’n ’eil iad ’gan deanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh moran gràidh le ’m beul, ach tha an cridhe a’ dol an deigh am sainnt. 32 Agus feuch, tha thusa dhoibh mar òran ro-thaitneach duine aig am bheil guth binn, agus a chluicheas gu maith air inneal ciuil: oir tha iad ag eisdeachd do bhriathran, ach cha’n ’eil iad ’gan deanamh. 33 Agus tra thig so gu crìch, (feuch tha e teachd,) an sin aithnichidh iad gu robh fàidhe ’nam measg. CAIB. XXXIV. AGUS thainig focal an Tighearna do m’ionnsuidh-sa, ag radh, 2 A mhic an duine, dean fàisneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dean fàisneachd agus abair riu, O aodhairean, mar so deir an Tighearna Dia, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a ta ’gam beathachadh fein; nach bu chòir do na h-aodhairean an treud a bheathachadh? 3 Tha sibh ag itheadh na saill, is ’gar n-éideadh fein leis an olainn, tha sibh a marbhadh na muinntir bhiadhta: cha ’n ’eil sibh a’ beathachadh an treud. 4 Cha do neartuich sibh an lag, ni mò leighis sibh an tinn, ni mò cheangail sibh a suas e sin a bha briste, ni mò thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, ni mò dh’ iarr sibh a’chuid a chailleadh; ach le h-ain-neart riaghlaich sibh iad, agus le h-an-iochd. 5 Agus sgapadh iad le dìth aodhaire: agus bha iad ’nam biadh do uile bheathaichibh na machrach, an uair a bha iad air an sgapadh. 6 Chaidh mo chaoirich-sa air seachran air feadh nan uile bheann, is air gach sliabh ard: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn [TD 245] ESECIEL. CAIB. XXXIV. uile, ’s cha d’rinn aon neach an lorgachadh no an iarruidh. 7 Uime sin, aodhairean, eisdibhse focal Iehobhah. 8 Mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhin a chionn gu robh mo threud ’nan creich, is gu d’ rinneadh mo threud ’nam biadh do uile bheathaichibh na machrach, a chionn nach robh aodhaire sam bith ann, ni mò rinn m’aodhairean iarruidh air mo threud, ach bheathaich na h-aodhairean iad fein, is cha do bhiadh iad mo threudsa: 9 Uime sin, O aodhairean, eisdibh focal Iehobhah. 10 Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise ’n aghaidh nan aodhairean, agus iarruidh mi mo threud air an làimh, agus bheir mi orra sgur do bhiathadh an treud, ni mò bheathaicheas na h-aodhairean iad fein tuille; oir saoruidh mise mo threud as am beul, a chum nach bi iad dhoibh ’nam biadh. 11 Oir mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, lorgaichidh mise, mise fein, mo chaoirich, agus iarruidh mi mach iad. 12 Amhuil a lorgaicheas aodhaire mach a threud, anns an là bhios e measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarruidh mise mo chaoirich fein, agus saoruidh mi iad as na h-uile àitibh gus an robh iad air an sgànradh, anns an latha neulach agus dhorcha. 13 Agus bheir mi air an ais iad a measg nan cinneach, agus cruinnichidh mi iad o na dùchannaibh, agus bheir mi iad gu ’m fearann fein, agus ionaltraidh mi iad air sleibhtibh Israeil an cois nan aibhnichean, agus ann an uile ionadaibh àitichte na tìre. 14 Ionaltraidh mi iad ann an innis mhaith, agus bidh am buaile air sleibhtibh arda Israeil: an sin luidhidh iad ann an cluain mhaith, agus ionaltraidh iad ann an innis bheartaich air sleibhtibh Israeil. 15 Beathaichidh mise mo threud, is bheir mi orra luidhe sios, deir an Tighearna Dia. 16 Iarruidh mi a’ chuid a chailleadh, is bheir mi air ais a’ chuid a dh’ fhuadaicheadh air falbh, is ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhristeadh, is neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir, beathaichidh mi iad sin le breitheanas. 17 Agus air ’ur son-sa, O mo threud; mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, bheir mise breith eadar spreidh agus spreidh, eadar na reitheachan is na gabhra firionn. 18 An ni suarach leibhse an innis mhaith itheadh a suas, ach gu saltair sibh fòs a’ chuid eile do ’n ionaltra sios fo ’r casaibh? agus òl do na h-uisgeacha domhain, ach gur eigin duibh a’ chuid eile a shalchadh le ’r casaibh? 19 Agus air son mo threud-sa, tha iad ag itheadh an ni sin a shaltair sibh fo ’r casaibh, agus ag òl an ni sin a rinn ’ur casan a thruailleadh. 20 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia riu, Feuch, bheir mise, mise fein breith eadar an spreidh reamhar agus an spreidh chaol. 21 A chionn gu do thulg sibh le taobh is le slinnein, is gu d’rinn sibh an t-easlan uile a phurradh le ’r n-adharcaibh, gus an do sgainnir sibh iad o cheile: [TD 246] ESECIEL. CAIB. XXXV. 22 Uime sin tearnaidh mise mo threud, is cha bhi iad ni ’s mò ’nan creich, agus bheir mi breith eadar spreidh agus spreidh. 23 Agus cuiridh mi suas aon aodhaire os an cionn, agus beathaichidh esan iad, [eadhon] mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, is bidh e dhoibh ’na aodhaire. 24 Agus bidh mise Iehobhah ann am Dhia dhoibh, agus mo sheirbhiseach Daibhidh ’na phrionnsa ’nam measg, mise Iehobhah labhair. 25 Agus ni mise co-cheangal sìth riu, is cuiridh mi cosgadh air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad comhnuidh gu tearuinte san fhàsaich, is caidlidh iad anns na coilltibh. 26 Agus ni mi iadsan, agus na h-ionada timchioll mo shleibh, ’nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a nuas ’na h-am: bidh frasan ann do bheannachdaibh. 27 Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, is bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tearuinte ’nan dùthaich, is aithnichidh iad gur mise Iehobhah, ’nuair a bhristeas mi cuibhrichean an cuinge, ’s a shaoras mi iad a làimh na muinntir a ghabh seirbhis diubh. 28 Agus cha bhi iad ni ’s mò ’nan cobhartach do na cinnich, ni mò ni beathaichean an fhearainn an slugadh a suas; ach gabhaidh iad comhnuidh gu tearuinte, ’s cha chuir aon neach eagal orra. 29 Agus togaidh mi suas doibh meangan cliuiteach, is cha bhi iad air an claoidh ni ’s mò le gort anns an fhearann, ni mò ghiulaineas iad masladh nan cinneach ni ’s faide. 30 Mar so aithnichidh iad gu bheil mise an Tighearna Dia maille riu, ’s gur iadsan, tigh Israeil, mo shluagh, deir an Tighearna Dia. 31 Agus sibhse mo threud, treud m’ ionaltraidh, is daoine sibh, agus is mise bhur Dia, deir an Tighearna Dia. CAIB. XXXV. OS barr, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 2 A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri sliabh Sheir, agus dean fàisneachd na aghaidh, 3 Agus abair ris, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, O shleibh Sheir, tha mise a’ d’ aghaidh, agus sìnidh mi mo làmh a mach a’ d’ aghaidh, is ni mi sgrios is leir-sgrios ort. 4 Ni mi do bhailtean ’nam fàsaich, agus bithidh tu a’ d’ nochd-laraich, is bidh fios agad gur mise Iehobhah. 5 A chionn gu robh fuath bith-bhuan agad, is gu do dhoirt thu [fuil] cloinne Israeil le neart a chlaidheimh, ann an am an airce, anns an am an robh deireadh aig an aingeachd: 6 Air an aobhar sin, mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, ulmhaichidh mi thusa air son fala, ’s ni fuil do dhian-ruagadh: a chionn nach d’ fhuathaich thu fuil, ni fuil do dhian-ruagadh. 7 Mar so ni mi sgrios is leir-sgrios air sliabh Sheir, agus gearraidh mi uaithe an ti theid a mach, agus an ti philleas air ais. 8 Agus lionaidh mi a shleibhtean le dhaoine marbhta: air do [TD 247] ESECIEL. CAIB. XXXVI. chnocaibh, agus ann a d’ ghleannaibh, agus ann a d’ uile aibhnichean tuitidh iadsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh. 9 Ni mise fàsaichean siorruith dhiot, is cha togar a rìs do bhailtean, agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 10 A chionn gu dubhairt thu, Bidh an da chinneach so, agus an dà dhuthaich so agam-sa, agus sealbhaichidh sinn iad, ge do bha’n Tighearna ’n sin: 11 Uime sin, mar is beo mise, deir an Tighearna Dia, ni mi eadhon do reir d’ fheirge, ’s do reir d’fharmaid a nochd thu, le d’fhuath ’nan aghaidh: agus ni mi mi fein aithnichte ’nam measg, tra bheir mi breith ortsa. 12 Agus aithnichidh tusa gur mi Iehobhah, agus gu cuala mi d’uile sgainneil an aghaidh shleibhtean Israeil, ag radh, Dh’fhàgadh fàs iad, is thugadh iad dhuinne d’ an slugadh. 13 Mar so le’r beul rinn sibh uaill ann am aghaidh-sa, agus mheudaich sibh ’ur briathran ann am aghaidh; chuala mise. 14 Mar so deir an Tighearna Dia, Tra ni an talamh uile gairdeachas, ni mise fàs thusa. 15 Mar a rinn thusa gairdeachas os cionn oighreachd tighe Israeil, a chionn gu robh i fàs, mar sin ni mise riut-sa: bithidh tu fàs, O shleibh Sheir, agus Idumea uile, an t-iomlan deth, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah. CAIB. XXXVI. MAR an ceudna, a mhic an duine, dean fàisneachd do shleibhtibh Israeil, agus abair, A shleibhte Israeil, cluinnibh focal an Tighearna. 2 Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu dubhairt an namhaid ’nur n-aghaidh; Aha, is leinne fòs na sean ionadan arda mar sheilbh: 3 Uime sin dean fàisneachd agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu d’ rinn iad fàs sibh, agus gu do shluig iad a suas sibh air gach taobh, gu bhi ’nur seilbh do fhuigheall nan cinneach, agus gu bheil sibh air ’ur gabhail am beul luchd-seanachais, agus ’nur mi-chliu am measg dhaoine: 4 Air an aobhar sin, a shleibhte Israeil, eisdibh focal an Tighearna, Mar so deir an Tighearna Dia ris na sleibhtibh agus ris na cnocaibh, ris na sruthaibh agus ris na gleannaibh, ris na fàsaichibh uaigneach, is ris na bailtibh a threigeadh, a dh’ fhàs ’nan cobhartach agus ’nam ball-fanaid do fhuigheall nan cinneach mu’n cuairt: 5 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Gu deimhin ann an teine m’ eud labhair mi ’n aghaidh fuighill nan cinneach, is an aghaidh Idumea uile, a ghabh mo dhuthaich-sa gu bhi ’na seilbh dhoibh, le gairdeachas an uile chridhe, le h-inntinn aingidh, ’ga toirt thairis mar chreich. 6 Dean fàisneachd uime sin mu thimchioll fearainn Israeil, agus abair ris na sleibhtibh is ris na cnocaibh, ris na sruthaibh is ris na gleannaibh, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, labhair mise ann am eud is ann am chorruich, a chionn gu do ghiulain sibh tàmailte nan cinneach. [TD 248] ESECIEL. CAIB. XXXVI. 7 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Dia, Thog mise suas mo làmh; Gu deimhin na cinnich mu ’n cuairt duibh giulainidh iad fein am masladh. 8 Ach sibhse, O shleibhte Israeil, cuiridh sibh a mach ’ur geuga, ’s bheir sibh ’ur toradh do m’ shluagh-sa Israeil, oir tha iad am fagus a chum teachd. 9 Oir feuch, tha mise leibh, agus pillidh mi ruibh, agus bithidh sibh air ’ur treabhadh agus air ’ur cur. 10 Agus ni mi daoine lionmhor oirbh, uile thigh Israeil gu h-iomlan, agus bidh na bailtean air an àiteachadh, is bidh na h-ionada fàs air an togail. 11 Agus ni mi lionmhor oirbh duine ’s ainmhidh, agus fàsaidh iad lionmhor, agus bheir iad toradh; agus suidhichidh mi sibh mar a bha sibh o shean, is ni mi ruibh ni ’s fearr na ann ’ur toiseach, agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah. 12 Seadh, bheir mi air daoine coiseachd oirbh, [eadhon] mo phobull Israel, agus sealbhaichidh iadsan thu, agus bithidh tu dhoibh a’ d’ oighreachd, is cha dean thu iad ni ’s mò uireasbhach. 13 Mar so deir an Tighearna Dia, A chionn gu’n abair iad riut, Thusa a shluig suas daoine, ’s a dh’fhàg gun sliochd do chinnich; 14 Uime sin cha sluig thu daoine ni ’s mò, ’s cha ’n fhàg thu do chinnich ni ’s mò gun sliochd, deir an Tighearna Dia. 15 Ni mò dh’ fhuilingeas mise tàmailte nan cinneach a chluinntinn annad tuille, ni mò ghiulaineas tu masladh an t-sluaigh ni ’s faide, ni mò bheir thu air do chinnich tuiteam tuille, deir an Tighearna Dia. 16 ¶ Os barr, thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh, ag radh, 17 A mhic an duine, tra bha tigh Israeil a chomhnuidh ’nan dùthaich fein, thruaill iad i le ’n slighe fein, agus le ’n deanadas: bha an slighe ann am làthair-sa mar neo-ghloine mnà a chuireadh air leth. 18 Air an aobhar sin dhoirt mi orra mo chorruich, air son na fala a dhoirt iad air an fhearann, agus air son an ìodhola leis an d’rinn iad a thruailleadh. 19 Agus sgap mi iad am measg nan cinneach, is bha iad air an sgaoileadh air feadh nan dùchannan. Do reir an slighe, ’s do reir an deanadais thug mise breith orra. 20 Agus tra chaidh iad a steach a chum nan cinneach, gus an deachaidh iad, thruaill iad sin m’ ainm naomha-sa, tra thuirt iad riu, Is iad so sluagh Iehobhah, gidheadh chaidh iad a mach as fhearann. 21 Agus ghabh mise truas diubh air son m’ ainme naomha fein, a thruaill tigh Israeil am measg nan cinneach gus an deachaidh iad. 22 Air an aobhar sin abair ri tigh Israeil, Mar so deir an Tighearna Dia, Cha ’n ’eil mi ’ga dheanamh so air ’ur son-sa, O thigh Israeil, ach air son m’ ainme naomha fein, a thruaill sibhse am measg nan cinneach gus an deachaidh sibh. 23 Agus naomhaichidh mi m’ ainm mor fein a bha air a thruailleadh am measg nan cinneach, a [TD 249] ESECIEL. CAIB. XXXVII. thruaill sibhse ’nam meadhon, agus aithnichidh na cinnich gur mise Iehobhah, deir an Tighearna Dia, tra bhios mi air mo naomhachadh annaibh-sa fa chomhair an sùl. 24 Oir bheir mi sibh a measg nan cinneach, agus tionailidh mi sibh as na h-uile dhùchaibh, agus bheir mi sibh gu’r fearann fein glan: 25 An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, is bithidh sibh glan: o’r n-uile shalchar, agus o’r n-uile iodholaibh glanaidh mi sibh. 25 Bheir mi fòs dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a stigh dhibh, is buinidh mi air falbh an cridhe clachaidh as ’ur feoil, is bheir mi dhuibh cridhe feola. 27 Agus cuiridh mi mo spiorad an taobh a stigh dhibh, is bheir mi oirbh gluasad ann am reachdaibh, is coimheididh sibh mo bhreitheanais agus ni sibh iad. 28 Agus gabhaidh sibh comhnuidh anns an fhearann a thug mise do ’r n-aithrichibh, agus bithidh sibh ’nur sluagh dhomhsa, ’s bidh mise ann am Dhia dhuibh-sa. 29 Saoruidh mi sibh fòs o ’r n-uile shalcharaibh, agus gairmidh mi air an arbhar, agus meudaichidh mi e, ’s cha chuir mi gort air bith oirbh. 30 Agus meudaichidh mi meas na craoibhe, agus cinneas na machrach, air chor as nach faigh sibh ni’s mò masladh gorta measg nan cinneach. 31 An sin cuimhnichidh sibh ’ur droch shlighe fein, agus ’ur deanadais nach robh maith, agus fuathaichidh sibh sibh-fein ’nur sealladh fein, air son ’ur n-ea-ceairtean, agus air son ’ur gràinealachdan. 32 Cha ’n ann air ur son-sa ta mise a’ deanamh so, deir an Tighearna Dia, biodh fios agaibh: biodh nàire agus amhluadh oirbh air son ’ur sligheanna fein, O a thigh Israeil. 33 Mar so deir an Tighearna Dia, Anns an là san glan mi sibh o ’r n-uile aingeachd, bheir mi fòs fanear gu gabh sibh comhnuidh anns na caithrichibh, is bidh na h-ionadan fàs air an togail. 34 Agus bidh am fearann fàs air a threabhadh, an àit e bhi ’na luidhe fàs an sealla gach aon a ghabh seachad. 35 Agus their iad, Tha an tìr so bha uaigneach air fàs mar ghàrradh Edein, agus na caithrichean falamh, fàs, agus millte, tha daingean agus àitichte. 36 An sin aithnichidh na cinnich a dh’ fhagadh air gach taobh dhibh gur mise Iehobhah a thogas na h-àiteacha sgriosta, a shuidhicheas an [t-ionad] fàsail: mise Iehobhah labhair, agus ni mi. 37 Mar so deir an Tighearna Dia, Bidh mise fathasd air m’iarruidh san ni so le tigh Israeil, a chum a dheanamh air an son; ni mi lionmhor iad le daoine mar threud. 38 Mar an treud naomha, mar threud Ierusaleim ’na feillibh arda; mar sin bidh na bailtean fàs air an lionadh le treudaibh dhaoine, agus aithnichidh iad gur mise Iehobhah. CAIB. XXXVII. BHA orm-sa lamh Iehobhah, ’s thug e mach mi ann an spiorad Iehobhah, ’s chuir e sios mi ann am meadhon a’ ghlinne a bha làn do chnàmhan. [TD 250] ESECIEL. CAIB. XXXVII. 2 Agus thug e orm gabhail seachad orra mu ’n cuairt, air gach taobh; agus feuch, bha iad ro-lionmhor anns a’ mhachair uile, agus feuch, bha iad ro-thioram. 3 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, am feud na cnàmhan so teachd beo? agus fhreagair mise O Thighearna Dhia, agadsa tha fios. 4 An sin thuirt e rium, A mhic an duine, dean fàisneachd do na cnàmhan so agus abair riu, O chnàmha tiorma, eisdibhse focal Iehobhah. 5 Mar so deir an Tighearna Iehobhah ris na cnàmhan so, Feuch, bheir mise air anail dol annaibh, agus bithidh sibh beo. 6 Agus cuiridh mi féithean oirbh, agus bheir mi air feoil fàs oirbh, agus comhdaichidh mi sibh le craicionn, is cuiridh mi anail annaibh; agus bithidh sibh beo, agus aithnichidh sibh gur mi Iehobhah. 7 Mar sin rinn mise fàisneachd mar a dh’ àithneadh dhomh: agus am feadh a bha mi ri fàisneachd bha toirm ann, agus feuch crith-ghluasad, agus thainig na cnàmha chum a cheile, cnàimh a chum a chnàmha. 8 Agus an uair a dh’ amhairc mi, feuch, dh’ fhàs féithean agus feoil orra, ’s chomhdaich an craicionn iad tharta; ach cha robh anail air bith annta. 9 An sin thuirt e rium, Dean fàisneachd do ’n anail, dean fàisneachd, a mhic an duine, agus abair ris an anail, Mar so deir an Tighearna Iehobhah, Thig o na ceathair ghaothaibh, O anail, agus séid air na mairbh so, chum gu bi iad beo. 10 Is amhuil a rinn mise fàisneachd mar a dh’ àithneadh dhomh, agus thainig an anail d’ an ionnsuidh, agus dh’ fhàs iad beo, agus sheas iad air an casaibh, armailte anbharr mor. 11 An sin thuirt e rium, A mhic an duine, is iad na cnàmhan so an t-iomlan do thigh Israeil; feuch, a deir iad, Tha ar cnàmhan air tiormachadh, agus ar dochas air a chall, air ar son-ne tha sinn air ar gearradh as. 12 Air an aobhar sin dean fàisneachd agus abair riu, Mar so deir an Tighearna Iehobhah, Feuch, O mo shluagh, fosglaidh mise bhur n-uaighean, is bheir mi oirbh teachd a nios as ’ur n-uaighean, is bheir mi sibh gu fearann Israeil. 13 Agus aithnichidh sibh gur mise Iehobhah, ’nuair a dh’ fhosglas mi ’ur n-uaighean, O mo shluagh, agus a bheir mi sibh a nios as ’ur n-uaighibh, 14 Agus a chuireas mi mo spiorad annaibh, agus a bhitheas sibh beo, agus a shuidhicheas mi sibh ’nur fearann fein: an sin aithnichidh sibh gu dubhairt mise Iehobhah, agus gu d’ rinn mi, arsa Iehobhah. 15 ¶ Thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh a rìs, ag radh, 16 A bharr air so, gabh thusa chugad, a mhic an duine, aon mhaide, agus sgriobh air, Airson Iudah, agus airson cloinne Israeil a chompanaich: an sin gabh maide eile, agus sgriobh air, Air son Ioseiph maide Ephraim, agus uile thighe Israeil a chompanaich. 17 Agus ceangail iad aon r ’a cheile ’nan aona mhaide, agus [TD 251] ESECIEL. CAIB. XXXVIII. fàsaidh iad ’nan aon ann ad laimh. 18 Agus an uair a labhras clann do shluaigh riut, ag radh, Nach feuch thu dhuinn ciod is ciall duit leis na nithe so? 19 Abair riu, Mar so deir an Tighearna Iehobhah, Feuch, gabhaidh mise maide Ioseiph a ta ’n làimh Ephraim, agus fineachan Israeil, a chompanaich, agus cuiridh mi iad maille ris, maille ri maide Iudah, agus ni mi aon mhaide dhiubh, agus bithidh iad ’nan aon ann am laimh. 20 Agus bidh na maidean air an sgriobh thu ann ad laimh fa chomhair an sùl. 21 Agus abair riu, Mar so deir an Tighearna Iehobhah, Feuch, bheir mise clann Israeil a measg nan cinneach gus am bheil iad air imeachd, agus cruinnichidh mi iad air gach taobh, is bheir mi iad gu ’n dùthaich fein. 22 Agus ni mi aona chinneach dhiubh anns an fhearann air sleibhtibh Israeil, agus bidh aon righ ’na righ dhoibh uile: agus cha bhi iad ni ’s mò ’nan dà chinneach, ni mò bhios iad air an roinn ’nan dà rioghachd tuille air aona chor. 23 Ni mò thruailleas iad iad fein tuille le ’n iodholaibh no le ’n nithibh fuathach, no le aon air bith d’ an ea-ceairtibh: ach saoraidh mise iad o’n uile cheannaircibh anns an robh iad ciontach, agus glanaidh mi iad: mar sin bidh iadsan ’nan sluagh dhomhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhoibhsan. 24 Agus bidh m’òglach Daibhidh ’na righ os an cionn: is bidh aona bhuachaill ac’ uile: gluaisidh iad fòs ann am reachdaibh, is bheir iad fanear m’ orduighean, agus ni iad iad. 25 Agus gabhaidh iad comhnuidh anns an fhearann a thug mise do m’ oglach Iacob, anns an do ghabh ’ur n-aithrichean comhnuidh, agus gabhaidh iadsan comhnuidh ann, iad fein agus an clann, agus clann an clainne gu bràth, agus bidh m’ oglach Daibhidh ’na righ dhoibh gu siorruith. 26 A thuille air so, ni mise co-cheangal sìth riu, bidh e ’na cho-cheangal siorruith riu, agus suidhichidh mi iad, agus ni mi lionmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh-ionad ’nam meadhon gu bràth. 27 Bidh mo phailliun mar an ceudna maille riu: seadh, bidh mise dhoibhsan ann am Dhia, ’s bidh iadsan dhomhsa ’nan sluagh. 28 Agus aithnichidh na cinnich gur mise Iehobhah a naomhaicheas Israel, an uair a bhios mo naomh-ionad ’nam meadhon gu siorruith. CAIB. XXXVIII. AGUS thainig focal an Tighearna do m’ ionnsuidh-sa, ag radh, 2 A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Ghog, tìr Mhagog, ard-phrionnsa Mheseich agus Thubail, agus dean faisneachd ’na aghaidh, 3 Agus abair ris, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch, tha mise a d’ aghaidh, O Ghog, a phrionnsa Rois, Mheseich agus Thubail. 4 Agus pillidh mi air d’ ais thu, agus cuiridh mi dubhain ann a d’ghialaibh, is bheir mi mach thu [TD 252] ESECIEL. CAIB. XXXVIII. fein, agus d’fheachd uile, eich agus marcaich, iad uile air an éideadh leis gach uile ghnè [arma,] cuideachd mhor le targaidibh agus le sgiathaibh, an t-iomlan diubh a’ glacadh chloidhmhean: 5 Persia, Etiopia, agus Libia maille riu; an t-iomlan diubh le sgéith agus ceann-bheairt: 6 Gomer agus a chuideachdan uile, tigh Thogarmah o na h-airdibh tuath, agus uile bhuidhnichean, moran sluaigh maille riut. 7 Bi thusa deas, agus ulmhaich air do shon féin, thu féin agus d’ uile chuideachd a ta air an cruinneachadh chugad, agus bi dhoibh a’d’ dhidein. 8 An deigh mhoran làithean thigear do d’ amharc: anns na bliadhnaibh deireannach thig thu do ’n fhearann a thugadh air ais o’n chlaidheamh, a chruinnicheadh a moran chinneach an aghaidh shleibhtean Israeil a bha fada fàs: ach thugadh a mach as na cinnich e, ’s gabhaidh iadsan uile comhnuidh ann an tearuinteachd. 9 Eiridh tu suas agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhuil ri neul a dh’ fholach an fhearainn, thu fein agus d’ uile bhuidhnichean, is moran sluaigh maille riut. 10 Mar so deir an Tighearna Dia, Tarlaidh anns an là sin gu d’ thig nithe ann a d’ aire, ’s gu smaoinich thu droch smaointe. 11 Agus their thu, Theid mi suas gu tìr nam bailtean gun bhallachan, thig mi air a’ mhuinntir aig am bheil fois, a ta gabhail comhnuidh ann an tearuinteachd, iad uile gabhail comhnuidh gun bhallachan, is gun aca cronn no dorsan, 12 A ghlacadh creiche, agus a ghlacadh cobhartaich, a thionndadh do laimhe air na h-ionadan fàs a ta [nis] air an àiteachadh, is air an t-sluagh a chruinnicheadh a mach as na cinnich, a fhuair airneis agus maoin, a ta chomhnuidh ann am meadhon na tìre. 13 Their Seba agus Dedan, agus ceannuichean Tharsis, agus a chuid bailtean riut, Am bheil thu air teachd a ghlacadh cobhartaich? an do chruinnich thu do chuideachd a ghlacadh creiche? a thoirt leat òir agus airgid, a thoirt air falbh spréidhe agus maoin; a ghlacadh creiche moire? 14 Uime sin, a mhic an duine, dean fàisneachd agus abair ri Gog, Mar so deir an Tighearna Iehobhah, Anns an là san gabh mo shluagh-sa Israel comhnuidh gu tearuinte, eiridh tusa suas, 15 Agus thig thu as d’ àite, mach as na h-airdibh tuath, thu fein agus moran sluaigh maille riut, iad uile a’ marcachd air eachaibh, buidheann mhòr, agus feachd cumhachdach. 16 Agus thig thu nios an aghaidh mo shluaigh-sa Israeil, mar neul a dh’ fholach an fhearainn, tarlaidh e sna làithibh deireannach, agus bheir mise thu ’n aghaidh m’ fhearainn, a chum gu’n aithnicheadh na cinnich mi, tra bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl. 17 Mar so deir an Tighearna Dia, An tusa an ti mu ’n do labhair mi o shean le m’ sheirbhisich, fàidhean Israeil, a rinn fàisneachd anns na làithibh sin, [TD 253] ESECIEL. CAIB. XXXIX. rè bhliadhnaichean, gu tugainns’ thu ’nan aghaidh? 18 Agus tarlaidh anns an am cheudna, ’nuair a thig Gog an aghaidh fearainn Israeil, deir an Tighearna Dia, gu d’ thig mo chorruich-sa nios ann am eudann. 19 Oir ann am eud, ann an teine mo chorruiche, labhair mi: gu cinnteach anns an là sin bidh crith mhor air fearann Israeil: 20 Air chor as gu criothnuich ann am làthair-sa iasga na fairge, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, agus na h-uile nithe snàgach a shnàgas air uachdar na talmhainn; agus tilgear na sleibhtean a sios, is tuitidh na h-ionadan arda, agus tuitidh na h-uile balla gu talamh. 21 Agus gairmidh mise airson claidheimh ’na aghaidh air feadh m’ uile shleibhtean, deir an Tighearna Iehobhah; bidh claidheamh gach aon duine ’n aghaidh a bhrathar. 22 Agus tagraidh mi ’na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidhmi air fein agus air a bhuidhnichean, is air a’ mhor-shluagh a ta maille ris, frasan tuilteach, is clocha meallain mora, teine agus pronnusc. 23 Mar so ni mi mòrdha mi fein, is naomhaichidh mi mi fein, agus aithnichear mi ann an sùilibh mhoran chinneach, agus bidh fios aca gur mi Iehobhah. CAIB. XXXIX. UIME sin dean thusa, a mhic an duine, fàisneachd an aghaidh Ghog, agus abair, Mar so deir an Tighearna Dia, Feuch tha mise ann a d aghaidh, O Ghog, a phrionnsa Rois, Mheseich, agus Thubail. 2 Agus pillidh mi air d’ ais thu, ’s cha ’n fhàg mi ach an seiseadh cuid dhiot, agus bheir mi ort teachd a nios o na h-airdibh tuath, agus bheir mi thu gu sleibhtean Israeil: 3 Agus buailidh mi do bhogha as do làimh chlì, agus bheir mi air do shaighdean tuiteam as do làimh dheis. 4 Tuitidh tu air sleibhtibh Israeil, thu fein is do bhuidhnichean uile, ’s an sluagh ata maille riut: bheir mi thu do ’n eunlaith fhuileachdach do gach seorsa, agus do bheathaichibh na talmhainn a chum bhi air do shlugadh. 5 Tuitidh tu air a’ mhachair sgaoilte, oir labhair mise, deir an Tighearna Iehobhah. 6 Agus cuiridh mi teine air Magog, is am measg na muinntir ata chomhnuidh go tearuinte ri taobha na fairge, agus aithnichidh iad gur mi Iehobhah. 7 Mar so ni mi m’ ainm naomha aithnichte ann am meadhon mo phobuill Israeil, is cha leig mi m’ ainm naomh a thruailleadh ni ’s mò; agus bidh fios aig na cinnich gur mi Iehobhah, aon naomha Israeil. 8 Feuch thainig e gu crìch, agus rinneadh e, deir an Tighearna Iehobhah; is e so an là mu’n do labhair mise. 9 Agus theid iadsan a ta chomhnuidh ann am bailtibh Israeil a mach, agus cuiridh iad ri theine agus loisgidh iad na h-airm, an targaid is fòs an sgiath, am bogha ’s na saighdean, agus an gath, agus an t-sleagh, agus loisgidh iad le teine iad seachd bliadhna: 10 Air chor as nach toir iad [TD 254] ESECIEL. CAIB. XXXIX. connadh air bith as a’ mhachair, ni mò ghearras iad do na coilltibh; oir do na h-armaibh ni iad dhoibh fein teine, agus creachaidh iad an dream le ’n do chreachadh iad, agus spùinnidh iad an dream le ’n do spùinneadh iad, deir an Tighearna Iehobhah. 11 Agus tarlaidh air an là sin, gu toir mise do Ghog an sin àite air son uaighean ann an Israel, gleann an luchd-siubhail, air taobh an ear na fairge; agus bacaidh e ’n luchd-siubhail: agus an sin adhlaicidh iad Gog, is a shluagh uile; agus goiridh iad ris Gleann sluaigh Ghog. 12 Agus bidh tigh Israeil ’gan adhlacadh, a chum am fearann a ghlanadh, seachd miosan. 13 Seadh, adhlaicidh uile shluagh an fhearainn, is bidh an latha sin mo ghloire-sa iomraiteach nam measg, deir an Tighearna Iehobhah. 14 Agus cuiridh iad air leth daoine deanadach, a shiubhlas feadh an fhearainn, a dh’ adhlacadh leis an luchd-siubhail na muinntir a ta fathasd air aghaidh na talmhainn, a chum a ghlanadh: an ceann sheachd miosan bidh iad ’gan iarruidh. 15 Agus an luchd-siubhail a ta ’g imeachd trìd an fhearainn, tra chi [aon neach] cnàimh duine, an sin cuiridh e comhara suas laimh ris, gus an adhlaic an luchd-adhlacaidh e ann an Gleann Hamon-gog. 16 Agus fòs bidh Hamonah mar ainm air a’ bhaile: mar so glanaidh iad am fearann. 17 Agus thusa, a mhic an duine, mar so deir an Tighearna Iehobhah, Labhair ris gach eun iteagach, is ri uile bheathach na machrach, Cruinnichibh sibh fein, agus thigibh, cruinnichibh sibh fein o gach taobh gu m’ iobairt-sa ta mi deanamh air ’ur-son, [eadhon] àr mor air sleibhtibh Israeil, a chum gu’n ith sibh feoil, is gu’n òl sibh fuil. 18 Ithidh sibh feoil nan cumhachdach, is òlaidh sibh fuil phrionnsachan na talmhainn, reitheachan uan, agus ghabhar, agus tharbh, iad uile air am biathadh ann am Basan. 19 Agus ithidh sibh saill gus am bi sibh sàthach, is òlaidh sibh fuil gus am bi sibh air mhisg, do m’ àr-sa a mharbh mi air ’ur son. 20 Mar so lionar sibh air mo bhord-sa le h-eachaibh is le carbadaibh, le daoine cumhachdach, is leis na h-uile fhearaibh-cogaidh, deir an Tighearna Iehobhah. 21 Agus cuiridh mi mo ghloir am measg nan cinneach, is chi na cinnich mo bhreitheanas a rinn mi, agus mo làmh a leag mi orra. 22 Mar sin aithnichidh tigh Israeil gur mise Iehobhah an Dia, o’n là sin is uaithe sin a mach. 23 Agus aithnichidh na cinnich gu deachaidh tigh Israeil gu bruid airson an aingeachd; a chionn gu do pheacaich iad am aghaidh-sa; uime sin dh’ fholuich mi mo ghnùis uatha, ’s thug mi iad do laimh an naimhdean; mar sin thuit iad leis a’ chlaidheamh. 24 Do reir an neo-ghloine, ’s do reir an cionta rinn mise riu, agus dh’ fholuich mi mo ghnùis uatha. [TD 255] ESECIEL. CAIB. XL. 25 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Iehobhah, A nis bheir mi air a h-ais bruid Iacoib, is ni mi trocair air an iomlan do thigh Israeil, is bidh mi eudmhor air son m’ ainme naomha: 26 An deigh dhoibh an nàire a ghiulan, agus an uile chionta leis an do chiontaich iad am aghaidh-sa, tra ghabhas iad comhnuidh gu tearuinte ’nan dùthaich fein, is nach cuir aon neach eagal orra: 27 An tra bheir mise air an ais iad o na cinnich, agus a chruinnicheas mi iad o dhùchaibh an naimhdean, agus a naomhaichear mi annta ann an sealla mhoran chinneach. 28 An sin aithnichidh iad gur mise Iehobhah an Dia, a thug fanear iad a bhi air an toirt ann am bruid am measg nan cinneach: ach chruinnich mi iad chum an dùcha fein, is cha d’ fhàg mi aon diubh ni ’s mò an sin. 29 Ni mò dh’ fholaicheas mi tuille mo ghnùis uatha: oir dhòirt mi mach mo spiorad air tigh Israeil, arsa an Tighearna Iehobhah. CAIB. XL. ANNS a’ chuigeamh bliadhna fichead d’ ar bruid, ann an toiseach na bliadhna, air an deicheamh [là] do ’n mhios (b’ i sin an ceathramh bliadhna deug an deigh do ’n bhaile bhi air a bhualadh,) air a’ cheart là sin bha lamh an Tighearna orm, is thug e chum an àite sin mi. 2 Ann an taisbeanadh Dhe thug e mi gu tìr Israeil, is chuir e mi air sliabh ro-ard, laimh ris an robh amhuil cumadh caithreach thall fa chomhair. 3 Agus thug e ’n sin mi, agus feuch duine, ’s a dhreach mar dhreach umha, le sreing lìn ’na laimh, agus le slait-thomhais; agus sheas e anns a’ gheata. 4 Agus thuirt an duine rium, A mhic an duine, faic le d’ shuilibh, agus cluinn le d’ chluasaibh, agus socruich do chridhe air na h-uile ni dh’ fheuchas mise dhuit; oir is ann a chum gu feuchainn duit iad a thugadh an so thu; foillsich gach ni a chi thu do thigh Israeil. 5 Agus feuch, bha balladh air taobh a mach an tighe mu’ n cuairt, agus ann an laimh an duine bha slat-thomhais sea lamha-coille air fad, le leud boise ris gach aon lamh-choille: mar sin thomhais e leud a’ bhalla, aon slat; agus airde, aon slat. 6 An sin thainig e gus an geata ta ’g amharc ris an airde ’near, is chaidh e suas air a cheumaibh, is thomhais e stairsneach a’ gheata, aon slat air leud agus an t-ard-dhorus cuideachd, aon slat air leud. 7 Agus bha gach seomar beag aon slat air fad, agus aon slat air leud, agus eadar na seomraichean beaga bha cuig lamha-coille, agus bha stairsneach a’ gheata, aig sgà-thigh a’ gheata ’n taobh a stigh, aon slat. 8 Thomhais e mar an ceudna sgà-thigh a’ gheata ’n taobh a stigh, aon slat. 9 An sin thomhais e sgà-thigh a’gheata, ochd lamha-coille, agus a phuist dà lamh-choille, agus bha sgà-thigh a’ gheata ’n taobh a stigh. [TD 256] ESECIEL. CAIB. XL. 10 Agus bha tri, do sheomraichibh beaga geata na h-airde ’near, air an taobh so, agus tri air an taobh sin, bha iad ’nan triuir do aon tomhas, agus bha na puist do aon tomhas, air an taobh so agus air an taobh sin. 11 Agus thomhais e leud dol a steach a’ gheata deich lamha-coille, ’s fad a’ gheata tri lamha-coille deug. 12 B’e an dealuchadh fòs fa chomhair nan seomraichean beaga aon lamh-choille [air an taobh so,] agus aon lamh-choille an dealuchadh air an taobh sin; agus bha na seomraichean beaga sea lamha-coille air an taobh so, agus sea lamha-coille air an taobh sin. 13 Thomhais e ’n sin an geata o mhullach aon seomair bhig gu mullach aon eile: b’ e an leud cuig lamha-coille fichead, dorus fa chomhair doruis. 14 Thomhais e mar an ceudna puist tri fichead lamh-choille, eadhon gu bhi ’nam puist do’n gheata air gach taobh do ’n chùirt. 15 Agus o aghaidh geata ’n dol a steach gu aghaidh sgà-thighe a’ gheata stigh bha deich is da fhichead lamh-choille. 16 Agus bha uinneagan cughann ris na seomraichean beaga, ’s ri ’n aghaidh an taobh a stigh do ’n gheata mu’n cuairt, agus mar an ceudna ris na sgà-thighibh: agus bha uinneagan mu’n cuairt air an taobh a stigh: agus air gach post bha crainn-phailme. 17 An sin thug e mi do ’n chùirt astigh, agus feuch, seomraichean agus urlar deanta airson na cùirte timchoill air gach taobh: bha deich seomraichean fichead anns an urlar. 18 Agus an t-urlar ri taobh nan geatachan, thall fa chomhair leud nan geatachan, b’ e sin an t-urlar a b’ ìsle. 19 An sin thomhais e’n leud o aghaidh a’ gheata a b’ ìsle, gu aghaidh a mach na cùirte a b’ fhaide steach, ceud lamh-choille ris an airde ’near. 20 An sin thug e mi gus an taobh mu thuath, agus thomhais e fad geata na cùirte mach a ta ’g amharc ris an airde tuath, agus a leud. 21 Agus b’ iad a sheomraichean beaga, tri air an taobh so, agus tri air an taobh sin; agus bha a phuist agus a sgà-thighean do reir tomhais a’ cheud gheata; b’ e deich is dà fhichead lamh-choille fhad; agus cuig lamha-coille thar fhichead airde. 22 Agus bha an uinneagan, agus an sgà-thighean, agus an crainn-phailme do reir tomhais a’ gheata ta ’g amharc ris an airde ’near, agus chaidh iad a suas chuige le seachd ceumaibh, is bha a sgà-thighean fa ’n comhair. 23 Agus bha geata na cùirte stigh fa chomhair a’ gheata tha ’g amharc ris an airde tuath, mar e sin ris an airde ’near, agus thomhais e o gheata gu geata ceud lamh-choille. 24 An deigh sin thug e mi air slighe na h-airde deas, agus feuch, geata ris an airde deas, agus thomhais e a phuist agus a sgà-thighean do reir nan tomhas ceudna. 25 Agus bha uinneagan ann, agus ’na sgà-thighibh mu ’n [TD 257] ESECIEL. CAIB. XL. cuairt air gach taobh, cosmhuil ris na h-uinneagaibh sin; b’e fhad deich is dà fhichead lamh-choille, agus a leud cuig lamha-coille thar fhichead. 26 Agus bha seachd ceuma gu dol asuas chuige, ’s bha a sgà-thighean fa chomhair, is bha crainn phailme air, aon air an taobh so, ’s aon eile air an taobh sin, air a phostaibh. 27 Agus bha geata sa’ chùirt a stigh ri deas, agus thomhais e o gheata gu geata ri deas ceud lamh-choille. 28 Agus thug e mi do ’n chùirt a stigh trìd a’ gheata mu dheas, agus thomhais e’n geata mu dheas do reir nan tomhas ceudna. 29 Agus a sheomraichean beaga, ’s a phuist, agus a sgà-thighean do reir nan tomhas ceudna, agus bha uinneagan ann, agus ’na sgà-thighibh air gach taobh mu’n cuairt: b ’e deich is dà fhichead lamh-choille fhad, is cuig lamha-coille thar fhichead a leud. 30 Agus bha na sgà-thighean air gach taobh mu’n cuairt cuig lamha-coille thar fhichead air fad, is cuig lamha-coille air leud. 31 Agus bha a sgà-thighean ris a’ chuirt a mach, is crainn-phailme air a phostaibh: agus bha ochd ceuma ’na dhol a suas. 32 Agus thug e mi gus a’ chùirt astigh leth ris an airde ’near, agus thomhais e’n geata do reir nan tomhas so. 33 Agus bha a sheomraichean beaga, agus a phuist, agus a sgà-thighean do reir nan tomhas so, agus bha uinneagan ann, agus ’na sgà-thighibh air gach taobh mu’n cuairt; deich is dà fhichead lamh-choille fhad, is cuig lamha-coille thar fhichead a leud. 34 Agus bha a sgà-tihghean ris a’ chùirt a mach, agus crainn-phailme air a phostaibh air an taobh so, ’s air an taobh sin, is bha ochd ceuma ’na dhol a suas. 35 Agus thug e mi gus an geata tuath, agus thomhais e do reir nan tomhas so: 36 A sheomraichean beaga, a phuist, agus a sgà-thighean, agus uinneagan air gach taobh mu’n cuairt: deich is dà fhichead lamh-choille fhad, agus cuig lamha-coille thar fhichead a leud. 37 Agus bha a phuist ris a’ chùirt a mach, is crainn-phailme air a phostaibh air an taobh so, ’s air an taobh sin, agus ’na dhol a suas bha ochd ceuma. 38 Agus bha na seomraichean agus an dol a steach laimh ri postaibh nan geatacha, far an do nigh iad na tabhartais loisgte. 39 Agus ann an sgà-thigh a’ gheata bha dà chlàr air an taobh so, is dà chlàr air an taobh sin, a chum an iobairt loisgte, ’s an iobairt pheacaidh, ’s an iobairt easaontais a mharbhadh orra. 40 Agus air an taobh a mach, mar theid aon a suas gu fosgladh a’gheata thuath, bha dà chlàr; agus air an taobh eile, aig sgà-thigh a’ gheata, bha dà chlàr. 41 Bha ceathair chlòir air an taobh so, agus ceathair chloir air an taobh sin, ri taobh a’ gheata; ochd clòir, air an do mharbh iad [an iobairtean.] 42 Agus bha na ceathair chlòir do chloich shnaighte air son na h-iobairt-loisgte, lamh-choille gu leth air fad, is lamh-choille gu leth air leud, is aon lamh-choille [TD 258] ESECIEL. CAIB. XLI. air airde; air an do leag iad mar an ceudna an acfuinn leis an do mharbh iad an tabhartas loisgte agus an iobairt. 43 Agus bha dubhain iaruinn do leud boise ’n taobh a stigh, air an daighneachadh mu ’n cuairt air gach taobh; agus air na clàraibh bha feoil na h-iobairte. 44 Agus thug e mi chum a’ gheata stigh; agus feuch an sin bha dà sheomar anns a’ chùirt a stigh; aon air taobh tuath a’ gheata, ag amharc ris an airde deas, ’s an t-aon eile air taobh deas a’ gheata, ag amharc ris an airde tuath. 45 Agus thuirt e rium, Tha an seomar so ta ’g amharc ri deas, air son nan sagart a tha frithealadh air coimhead an tighe. 46 Agus tha an seomar a ta ’g amharc ri tuath air son nan sagart a tha frithealadh air coimhead na h-altarach: is iad so mic Shadoic am measg mhac Lebhi, a ta teachd dlù do ’n Tighearna chum fritheala’ dha. 47 Mar sin thomhais e a’chùirt, ceud lamh-choille air fad, is ceud lamh-choille air leud, ceathair-chearnach, agus an altair ri aghaidh an teampuill. 48 Agus thug e mi gu sgà-thigh an teampuill, agus thomhais e gach post do ’n sgà-thigh cuig lamha-coille air an taobh so, agus cuig lamha-coille air an taobh sin; agus b’e leud a’ gheata tri lamha-coille air an taobh so, agus tri lamha-coille air an taobh sin. 49 B’e fad an sgà-thigh fichead lamh-choille, agus a leud aon lamh-choille deug, agus anns an dol a suas chuige bha deich ceuma: agus bha pruip aig na postaibh, aon air an taobh so, ’s aon air an taobh sin. CAIB. XLI. ’NA dheigh sin thug e mi do ’n teampull, agus thomhais e na puist, sea lamha-coille air leud, air an aon taobh, agus sea lamha-coille air leud air an taobh eile, b’e so leud gach puist. 2 Agus b’e leud an doruis deich lamha-coille, ’s bha ursannan an doruis cuig lamha-coille air an aon taobh, agus cuig lamha-coille air an taobh eile: agus thomhais e fhad da fhichead lamh-choille, agus a leud fichead lamh-choille. 3 An sin chaidh e gus an taobh a stigh, agus thomhais e post an doruis dà lamh-choille, agus an dorus fein sea lamha-coille air leud, agus air gach taobh do ’n dorus seachd lamha-coille. 4 Mar sin thomhais e fhad fichead lamh-choille, agus an leud fichead lamh-choille, fa chomhair aghaidh an teampuill; agus thuirt e rium, Is e so an t-ionad ro-naomha. 5 ’Na dheigh sin thomhais e balla ’n teampuill sea lamha-coille; agus leud gach seomair-thaoibh ceathair lamha-coille timchioll an teampuill air gach taobh. 6 Agus bha na seomraichean-taoibh aon an deigh aon, tri deug thar fhichead an àireamh, agus bhuineadh iad do ’n bhalla sin a bha mu’n cuairt air an teampull air cùl nan seomraichean-taoibh, bha greim aca dheth, ach cha robh greim air bith ac’ ann am balla ’n teampuill. 7 Agus bha farsuingeachd [TD 259] ESECIEL. CAIB. XLI. agus sior dhol mu’n cuairt an aird chum nan seomraichean-taoibh, oir chaidh cuartachadh an tighe do ghnà suas mu thimchioll an tighe: agus mar sin bha leud an tighe shuas, is air an dòigh sin bha e dol am meud o ’n t-seomar iochdrach gus an aon a b’ airde aig a’mheadhon. 8 Chunnaic mi fòs mu’n cuairt air an tigh, o iochdar steidh nan seomraichean-taoibh gu b’e airde gach aon diubh slat iomlan shea lamha-coille mora. 9 B’e leud a’bhalla, a bha eadar na seomair-thaoibh a mach, cuig lamha-coille; b’e sin fhad as a bha eadar na seomraichean-taoibh a bha ri taobh an teampuill. 10 Agus eadar na seomraichean [eile] bha fichead lamh-choille air gach taobh, mu’n cuairt do’n teampull. 11 Agus bha dorsa nan seomraichean-taoibh ris an ionad a dh’ fhàgadh eadar riu, aon dorus ris an airde tuath, ’s dorus eile ris an airde deas, agus b’e leud an ionaid a dh’fhàgadh cuig lamha-coille air gach taobh mu’n cuairt. 12 A nis bha an aitreabh a bha fa chomhair an àite air leth, ris an airde’ an iar, deich is trì fichead lamh-choille air leud, agus bha balla na h-aitreabh cuig lamha-coille air tiughad gach taobh mu ’n cuairt; agus b’e fhad deich is ceathair fichead lamh-choille. 13 Mar sin thomhais e an tigh ceud lamh-choille air fad, agus an t-àit’ air leth, agus an aitreabh le a ballachaibh, ceud lamh-choille air fad. 14 Mar an ceudna leud aghaidh an tighe, agus an ionaid air leth ris an airde ’near, ceud lamhchoille. 15 Agus thomhais e fad na h-aitreabh, fa chomhair an àit’ air leth, agus a bha air a chulaobh, agus a sheomraichean air an taobh so ’s air an taobh eile, ceud lamh-choille, maille ris an teampull a stigh, agus sgà-thighibh na cùirte. 16 Bha puist an doruis agus na h-uinneagan cughann, is na seomraichean mu’n cuairt air an trì urlair, thall fa chomhair an doruis, foluichte le fiodh timchioll mu’n cuairt, agus o ’n làr a suas gu ruig na h-uinneagan, is bha na h-uinneagan air an comhdachadh. 17 Ach os cionn an doruis, agus anns an teampull a mach, gu e sin a b’ fhaide steach, agus air a’bhalla uile mu’n cuairt do’n teampull a stigh agus a muigh, 18 Bha cherubim air an deanamh, agus crainn-phailme, air chor as gu robh crann-pailme eadar cherub is cherub, is aig gach cherub bha dà aghaidh. 10 Air chor as gu robh aghaidh duine ris a’chrann-phailme air an aon taobh, is aghaidh leomhain òig ris a’ chrann-phailme air an taobh eile: bha so deanta feadh an tighe uile mu’n cuairt. 20 O’n làr gus os cionn an doruis bha cherubim air an deanamh is crainn-phailme, agus air balla an teampuill. 21 Bha puist an teampuill ceathair-chearnach, agus aghaidh an ionaid naomha air a chumachd cheudna. 22 Bha an altair do fhiodh tri lamha-coille air airde, agus dà lamh-choille air fad; air a dean- [TD 260] ESECIEL. CAIB. XLII. amh cearnach le oisnean agus clàraibh fiodha: agus thuirt e rium, So am bord a ta fa chomhair an Tighearna. 23 Agus bha dà dhorus aig an teampull is aig an ionad naomha. 24 Agus bha dà dhuilleig aig gach dorus, dà dhuilleig ag tionndadh; dà dhuilleig air son aon doruis, is dà dhuilleig air son an doruis eile. 25 Agus bha cherubim is crainn-phailme deanta orra, air dorsaibh an teampuill, mar a bha deanta air na ballachan, is bha déileachan tiugha air aghaidh an sgà-thighe a mach. 26 Agus bha uinneagan cughan is crainn-phailme air an aon taobh is air an taobh eile, air taobhan an sgà-thighe, agus air seomraichean-taoibh an tighe, agus air na déileachan tiugha. CAIB. XLII. AN sin thug e mach mi gus a’ chùirt a mach, air slighe na h-airde tuath, agus thug e mi do ’n t-seomar a bha os cionn an ionaid air leth, agus a bha fa chomhair na h-aitreabh ris an airde tuath. 2 Fa chomhair fad cheud lamh-choille bha an dorus tuath; agus b’e an leud leth-cheud lamhchoille. 3 Fa chomhair dhorsan na cùirt a steach, is fa chomhair an urlair a bha air son na cùirt a mach, bha seomar air aghaidh seomair air tri [urlair.] 4 Agus fa chomhair nan seomraichean bha àite spaisdearachd deich lamha-coille air leud a stigh, agus ceud lamh-choille air fad; agus bha na dorsa ri tuath. 5 Agus bha na seomraichean uachdrach cughann: oir aca so chriochnaich na seomraiche beaga, a dh’ eirich gus a’ cheud agus an dara urlar do ’n aitreabh. 6 Oir bha iad nan tri urlair, ach cha robh pruip aca mar phruip nan cùirtean: uime sin bha an tigh ni bu chuinge na chuid a b’ iochdraiche ’s bu mheadhonaiche o’n làr. 7 Agus bha am balla, bha mach fa chomhair nan seomraichean leth ris a’chùirt a b’fhaide mach air beulaobh nan seomraichean, leth cheud lamh-choille air fad. 8 Oir b’e fad nan seomraichean a bha sa’ chùirt a mach leth-cheud lamh-choille: agus feuch, fa chomhair an teampuill bha ceud lamh-choille. 9 Agus fo na seomraichean so bha ’n dol a steach air an taobh an ear, mar theid aon a steach annta o’n chùirt a muigh. 10 Bha na seomraichean ann an tiughad balla na cùirte ris an airde ’near thall fa chomhair an ionaid air leth, agus thall fa chomhair an tighe. 11 Agus bha an t-àite spaisdearachd aig an aghaidh cosmhuil ris sin a bha aig seomraichean na h-airde tuath; ionan ann am fad, is ionan ann an leud; agus bha an uile dhol a mach araon air an aon dreach, agus fòs an dorsan. 12 Agus do reir dorsa nan seomraichean a bha ris an airde deas, bha dorus ann an ceann na slighe, na slighe dìreach fa chomhair a’ bhalla ris an airde ’near, mar a theid aon a steach orra. 13 An sin thuirt e rium, Na seomraichean mu thuath, agus [TD 261] ESECIEL. CAIB. XLIII. na seomraichean mu dheas, a ta fa chomhair an ionaid air leth, is seomraichean naomh iad, far an ith na sagairt a thig dlù do ’n Tighearna na nithe ’s ro-naomha: an sin cuiridh iad na nithe ’s ro-naomha, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-easaontais; oir tha an t-ionad naomha. 14 ’Nuair a theid na sagairt a steach ann, an sin cha d’ theid iad a mach as an ionad naomha gus a’chùirt a mach, ach an sin cuiridh iad an eudaichean, far am bheil iad a’ frithealadh; oir tha iad naomha: agus cuiridh iad orra eudaichean eile, ’s thig iad dlù do na nithe sin a ta air son a’phobuill. 15 A nis ’nuair a chuir e crioch air tomhas an tighe stigh, thug e mach mi chum a’ gheata, ta ’g amharc ris an airde ’near, agus thomhais e mu’n cuairt e. 16 Thomhais e ’n taobh an ear leis an t-slait-thomhais, cuig [agus] ceud slat, leis an t-slaitthomhais timchioll mu’n cuairt. 17 Thomhais e ’n taobh mu thuath cuig [agus] ceud slat, leis an t-slait-thomhais timchioll mu ’n cuairt. 18 Thomhais e’n taobh deas cuig [agus] ceud slat, leis an t-slait-thomhais. 19 Thionndaidh e mu’n cuairt gus an taobh an iar, is thomhais e cuig [agus] ceud slat, leis an t-slait-thomhais. 20 Thomhais e air na ceathair taobhan e: bha balladh aige mu’n cuairt, cuig [agus] ceud slat air fad, is cuig [agus] ceud air leud, a dheanamh dealachaidh eadar an t-ionad naomha ’s an t-àite mi-naomha. CAIB. XLIII. ’NA dheigh sin thug e mi chum a’ gheata, an geata ta ’g amharc ris an airde ’n ear. 2 Agus feuch, thainig gloir Dhe Israeil o shlighe na h-airde ’n ear: agus bha a ghuth mar thoirm mhoran uisgeachan, is dhealruich an talamh le ghloir. 3 Agus bha an sealladh so a chunnaic mi cosail ris an t-sealladh sin a chunnaic mi, tra thainig e chum am baile a sgrios: agus bha a choslas mar an coslas a chunnaic mi aig sruth Chebair: agus thuit mi air m’aghaidh. 4 Agus thainig gloir an Tighearna chum an teampuill, air slighe a’ gheata ta ’g amharc ris an airde ’n ear. 5 An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gus a’ chùirt a stigh, agus feuch, lion gloir an Tighearna an teampull. 6 Agus chuala mi e labhairt rium a mach as an teampull, agus sheas an duine laimh rium. 7 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, tha thu faicinn àite mo ri-chaithreach, is ionad bhonn mo chos, far an gabh mi comhnuidh ann am meadhon cloinne Israeil gu siorruith, is m’ ainm naomha-sa cha truaill tigh Israeil ni ’s mò, iad fein, no an righrean, le’n striopachas, no le conablachaibh an righrean ’nan ionadaibh arda. 8 Le suidheachadh an stairsneich aig mo stairsneich-sa, ’s am puist aig mo phostaibh-sa, ’s am ballaidh eadar mis’ agus iadsan, rinn iad eadhon m’ainm naomh a thruailleadh le ’n gràinealachdaibh a chuir iad an gniomh: uime sin chaith mis’ iad ann am chorruich. 9 A nis cuireadh iad air falbh an striopachas, is cairbhinnean an [TD 262] ESECIEL. CAIB. XLIII. righrean fada uam, is gabhaidh mi comhnuidh ’nam meadhon gu siorruith. 10 A mhic an duine, innis mu’n teampull so do thigh Israeil, a chum gu gabh iad nàire d’an ea-ceartaibh; agus toimhseadh iad an samhladh. 11 Agus ma bhios nàir’ orra do gach ni a rinn iad, feuch dhoibh dreach an tighe, agus a chumachd, agus a dhol a mach, agus a theachd a stigh, agus uile choslas, agus uile orduighean, agus uile dheilbh, agus uile reachdan: agus sgriobh e ’nan sealladh, a chum gu coimhid iad uile dhreach, agus uile orduighean, agus gu dean iad iad. 12 Is e so cumachd an tighe; Air mullach an t-sleibhe bidh a chrioch uile mu ’n cuairt ronaomha: feuch is e so cumachd an tighe. 13 Agus is iad so toimhsean na h-altarach ann an lamha-coille, le leud boise ris gach aon lamh-choille; bidh eadhon lamh-choille ’na bonn, is lamh-choille ’na leud, agus réis ’na h-iomall air an oir mu ’n cuairt, agus bidh so ’na chuartachadh do’n altair. 14 Agus o’n bhonn air an làr gu ruig an suidheachadh iochdrach bidh dà lamh-choille, agus aon lamh-choille an leud; agus o’n t-suidheachadh is lugha gus an suidheachadh is mò bidh ceathair lamha-coille, agus an leud aon lamh-choille. 15 Mar sin bidh an altair ceathair lamha-coille, agus o’n altair an aird bidh ceathair adharca. 16 Agus bidh an altair da bhann-lamh dheug air fad, a dha-dheug air leud, ceathair-chearnach ’na ceathair chearnaibh. 17 Agus bidh am bonn ceathair lamha-coille deug air fad, is ceathair deug air leud ’na cheathair chearnaibh, agus bidh an oir mu ’n cuairt oirre leth lamh-choille, agus bidh a bonn lamh-choille mu’n cuairt, agus amhaircidh a ceuma ris an aird an ear. 18 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, mar so deir an Tighearna Dia, Is e so cumachd na h-altarach anns an là san dean iad i, chum tabhartasa-loisgte iobradh oirre, ’s a chum fuil a chrathadh oirre. 19 Agus bheir thu do na sagartaibh na Lebhithich a ta do shliochd Shadoic, a thig dlù dhomhsa, chum fritheala’dhomh, deir an Tighearna Dia, tarbh òg mar ofrail-pheacaidh. 20 Agus gabhaidh tu d’ a fhuil, is cuiridh tu i air a ceathair adharcaibh, agus air ceathair chearnaibh a buinn, is air an oir mu ’n cuairt: mar so glanaidh agus nighidh tu i. 21 Gabhaidh tu fòs tarbh na h-iobairt-pheacaidh, agus loisgidh esan e ann an ionad orduichte ’n tighe, an taobh a mach do ’n naomh-ionad. 22 Agus air an dara là iobraidh tu meann do na gabhraibh gun ghaoid, air son tabhartais-pheacaidh, agus glanaidh iad an altair, mar a ghlan iad i leis an tarbh. 23 ’Nuair a sguireas tu d’ a glanadh, iobraidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus reithe as an treud gun ghaoid. 24 Agus iobraidh tu iad ann an làthair an Tighearna, agus tilgidh na sagairt salann orra, ’s iobraidh iad a suas iad mar iobairt-loisgte do ’n Tighearna. 25 Seachd laithean deasaichidh [TD 263] ESECIEL. CAIB. XLIV. tu, gach aon là, gabhar air son iobairt-pheacaidh: deasaichidh iad fòs tarbh òg is reithe as an treud gun ghaoid, 26 Seachd làithean glanaidh iad an altair agus nighidh iad i, agus naomhaichidh iad iad fein. 27 Agus an uair a bhios na làithean so air an criochnachadh, tarlaidh air an ochdamh là ’s mar sin sios, gu dean na sagairt ’ur n-iobairtean-loisgt’ air an altair, agus ’ur n-iobairtean-sìth, agus gabhaidh mise ruibh, deir an Tighearna Iehobhah. CAIB. XLIV. AN sin thug e mi air m’ ais air slighe geataidh an ionaid naoimh amuigh, a ta ’g amharc ris an aird an ear, agus bha e druidte. 2 An sin thuirt an Tighearna rium, Bidh an geata so druidte, cha ’n fhosglar e, ’s cha d’ theid neach air bith a steach air, a chionn gu deachaidh an Tighearna Dia Israeil a steach air, 3 Uime sin bidh e druidte air a’ phrionnsa; am prionnsa fein suidhidh ann a dh’ itheadh arain an lathair an Tighearna; theid e steach air slighe cùirt a’gheataidh, is thig e mach air an t-slighe cheudna. 4 An sin thug e mi air slighe a gheataidh thuath fa chomhair an teampuill, agus dh’ amhairc mi, ’s feuch, lion gloir an Tighearna teampull an Tighearna; agus thuit mise air m’ aghaidh. 5 Agus thuirt an Tighearna rium, A mhic an duine, thoir geur-aire, agus feuch le d’shùilibh, agus cluinn le d’ chluasaibh, gach ni their mise riut mu thimchioll uile orduighean tighe an Tighearna, agus uile reachdan, agus thoir aire mhaith do dhol a steach an tighe, le uile dhol a mach an ionaid naomha. 6 Agus their thu ris an tigh cheannairceach, ri tigh Israeil, Mar so deir an Tighearna Dia, O thigh Israeil, gu ma leor leibh do ’r n-uile ghràinealachdaibh, 7 Gu d’ thug sibh coigrich neo-thimchioll-ghearrta ’nan cridhe, agus neo-thimchioll-ghearrta ’nam feoil, gu bhi ann am naomh-ionad-sa, a thruailleadh mo thighe, am feadh a ta sibh a’ tiolaca dhomhsa an arain, na saill, agus na fala; agus bhrist sibh mo cho-cheangal le’r n-uile ghràinealachdaibh. 8 Agus cha do ghleidh sibh cùram mo nithe naomha; ach chuir sibh luchd-coimhid mo churaim ann am ionad naomh air ’ur son fein. 9 Mar so deir an Tighearna Dia, Cha d’ theid aona choigreach neo-thimchioll-ghearrta ’na chridhe, no neo-thimchioll-ghearrta ’na fheoil, a steach do m’ ionad naomha-sa, do choigreach air bith a ta measg cloinne Israeil. 10 Agus na Lebhithich a dh’ imich am fad uamsa, ’nuair a chaidh Israel air seachran, a dh’ fhalbh air seachran uamsa an deigh an iodhola, giulainidh eadhon iadsan an aingeachd. 11 Gidheadh bidh iad ’nan luchd-frithealaidh ann am ionad naomha, air am bi cùram gheatachan an teampuill, ’s a bhios a’ fritheala’ do ’n teampull: marbhaidh iad an tabhartas-loisgte ’s an iobairt airson an t-sluaigh, agus seasaidh iad ’nan lathair gu fritheala’ dhoibh: [TD 264] ESECIEL. CAIB. XLIV. 12 A chionn gu d’rinn iad fritheala dhoibh ann an lathair an iodhola, ’s gu d’ thug iad air tigh Israeil tuiteam gu aingeachd; uime sin thog mise suas mo lamh ’nan aghaidh, deir an Tighearna Iehobhah, agus giulainidh iad an aingeachd. 13 Agus cha d’ thig iad am fagus domhsa a dheanamh dleasnais sagairt domh, no theachd dlù do bheag air bith do m’ nithibh naomha, san ionad a’s ro-naomha: ach giulainidh iad an nàire, agus an gràinealachdan a chuir iad an gniomh. 14 Ach ni mi iad ’nan luchd coimhid curaim an tighe, airson uile sheirbhis, is air son gach uile ni bhios ri dheanamh ann. 15 Ach na sagairt na Lebhithich, mic Shadoic, a choimhid curam m’ ionaid naomha, ’nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlù dhomh chum fritheala’ dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianuis a dh’ iobradh dhomh na saill is na fala, deir an Tighearna Iehobhah. 16 Theid iad a steach do m’ionad naomha, ’s thig iad dlù do m’ bhord a chum fritheala’ dhomh, agus coimhididh iad mo churam. 17 Agus tarlaidh, ’nuair a theid iad a steach air geatacha na cùirt a stigh, gu bi iad air an éideadh le eudach lìn, is cha d’ thig olann air bith orra, am feadh a ta iad a’ frithealadh ann an geatachaibh na cùirt a steach, agus an taobh a stigh. 18 Bidh curaichdean lìn air an ceannaibh, is bidh triughais lìn air an leasraibh: cha chrioslaich iad iad-fein le aon ni a thogas fallus. 19 Agus ’nuair a theid iad a mach do’n chùirt a muigh, a chum an t-sluaigh, cuiridh iad dhiubh an eudaichean anns an d’ rinn iad frithealadh, is cuiridh iad anns na seomraichibh naomh iad, is cuiridh iad orra eudaichean eile, ’s cha naomhaich iad am pobull ’nan eudaichibh. 20 Ni mò a lomas iad an cinn, no dh’fhuilingeas iad d’an ciabhan fàs fada, cha dean iad ach amhàin an cinn a bharradh. 21 Ni mò dh’ òlas sagart air bith fion, tra theid iad a steach do ’n chùirt a stigh. 22 Ni mò ghabhas iad dhoibh fein mar mhnaoi banntrach, no bean a chuireadh air falbh: ach gabhaidh iad maighdeanan do shliochd tighe Israeil, no banntrach aig an robh sagart roimhe. 23 Agus teagaisgidh iad do m’shluagh-sa an dealachadh eadar naomh is mi-naomh, is bheir iad orra dealuchadh a chur eadar an glan agus an neo-ghlan. 24 Agus ann an coi-stri seasaidh iad ann am breitheanas, bheir iad breith air do reir mo reachdan-sa; agus coimhididh iad mo lagh agus mo reachdan ann am uile cho-thionail, agus naomhaichidh iad mo shàbaidean. 25 Agus cha d’ thig iad dlù do dhuine mharbh gus iad fein a thruailleadh: ach airson mathair, no airson mic, no airson nighine, air son brathar, no air son peathar aig nach robh fear, feudaidh iad iad fein a thruailleadh. 26 Agus an deigh dha bhi air a ghlanadh, àireamhuidh iad dha seachd làithean. 27 Agus air an là san d’ theid e steach do ’n ionad naomha, do ’n chùirt a stigh gu frithealadh anns an ionad naomha, bheir e [TD 265] ESECIEL. CAIB. XLV. seachad tabhartas-peacaidh, deir an Tighearna Dia. 28 Agus cha bhi oighreachd air bith aca; is mise an oighreachd-san: agus cha toir sibh dhoibh sealbh air bidh ann an Israel; is mise an sealbh. 29 Ithidh iad an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-easaontais; agus aca-san bidh gach uile ni coisrigte ann an Israel. 30 Agus bidh toiseach ceud thoraidh nan uile nithe, agus gach uile thabartas do gach seorsa do ’r tabhartais aig na sagairt: bheir sibh mar an ceudna do ’n t-sagart toiseach ’ur taoise, chum gu d’ thugadh e air a bheannachadh comhnuidh a ghabhail ann ad thigh. 31 Chan ’n ith an sagart do ni air bith a dh’ eugas leis fein, no bhios reubta, ma ’s eun no ainmhidh e. CAIB. XLV. MAR an ceudna ’nuair a roinneas sibh le crannchur an fearann mar oighreachd, bheir sibh tabhartas do ’n Tighearna, earrann naomh do ’n fhearrann: is e fhad cuig mìle fichead [lamhchoille,] agus a leud deich mìle: bidh so naomha ’na uile chriochaibh mu ’n cuairt. 2 Dheth so bidh air son an ionaid naomha cuig ceud [air fad,] le cuig ceud [air leud,] ceathair-chearnach mu ’n cuairt; agus leth-cheud lamh-choille mu’n cuairt, air son a dhlu-bhailtean. 3 An deigh an tomhais so toimhsidh tu ann am fad cuig mìle fichead, agus ann an leud deich mìle, agus an sin bidh an t-ionad naomh, an t-àite ro-naomha. 4 Bidh a’ chuid so do ’n fhearann naomha do na sagairt, luchd-frithealaidh an ionaid naomha, a thig dlù chum frithealadh do ’n Tighearna, ’s bidh e ’na ionad air son an tighean, is ’na àite naomh air son an naomh-ionaid. 5 Agus fòs cuig mìle fichead air fad, agus deich mìle air leud bidh aig na Lebhithich luchdfrithealaidh an tighe air an son fein, mar sheilbh air son fichead seomar. 6 Agus orduichidh sibh mar sheilbh na caithreach cuig mìle [lamh-choille] air leud, is cuig mile fichead air fad thall fa chomhair àite an ionaid naomha: bidh e aig uile thigh Israeil. 7 Agus bidh aig an uachdaran air aon taobh agus air an taobh eile do chuibhrionn an ionaid naomha, ’s do sheilbh na caithreach, fa chomhair cuibhrinn an ionaid naomha, ’s fa chomhair seilbh na caithreach, o ’n taobh an iar, ris an iar; agus o ’n taobh ear, ris an ear; agus bidh am fad thall fa chomhair aon do na h-earrannaibh, o ’n iomall shiar gus an iomall shoir. 8 Anns an fhearann bidh a shealbh ann an Israeil, is cha sàruich m’ uachdarain-sa ni ’s mò mo shluagh; agus am fearann bheir iad do thigh Israeil do reir am fineachan. 9 Mar so deir an Tighearna Dia, Gu ma leor leibh, O uachdarana Israeil: cuiribh uaibh ain-neart agus creach, is deanaibh breitheanas agus ceartas, thugaibh leibh ’ur n-ain tighearnas o m’ shluagh-sa, deir an Tighearna Iehobhah. 10 Bidh agaibh meighean cothromach, agus ephah chothromach, agus bat cothromach. 11 Bidh an ephah agus am [TD 266] ESECIEL. CAIB. XLV. bat do aon tomhas, air chor as gu cum am bat an deicheamh cuid do homer, agus an ephah an deicheamh cuid do homer: bidh a thomhas do reir an homeir: 12 Agus bidh ann an secel fichead gerah: anns an treas cuid do mhaneh bidh fichead secel, (ach ann am maneh do airgiod bidh cuig seceil fhichead;) anns a’ cheathramh cuid do mhaneh bidh cuig seceil deug; ann am maneh gu h-iomlan bidh tri fichead. 13 So an tabhartas a bheir sibh uaibh; an seathamh cuid do ephah a homer cruineachd, is bheir sibh an seathamh cuid do ephah a homer eorna. 14 Do thaobh reachd na h-ola, am bat ola, bheir sibh uaibh an deicheamh cuid do bhat as a’ chòr, is e sin homer dheich bhat; oir is deich bait a ta ann an homer: 15 Agus aon uan as an treud, a dà cheud, a h-ionaltradh reamhar Israeil, air son tabhartais-bhìdh, agus air son iobairt-loisgte, ’s air son thabhartas-sìth, chum réite dheanamh air an son, deir an Tighearna Dia. 16 Bheir uile shluagh an fhearainn an tabhartas so air son an uachdarain ann an Israel. 17 Agus buinidh e do ’n phrionnsadh tabhartasa-loisgte, ’s tabhartasa-bìdh, is tabhartasa-dibhe thoirt uaithe air na làithibh féill, is air na gealaichibh nuadh, is air na sàbaidibh, is air uile ard-fheillibh tighe Israeil: deasaichidh e ’n tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasa-sìth, a dheanamh reite airson tighe Israeil. 18 Mar so deir an Tighearna Dia, Anns a’ cheud [mhios,] air a’ cheud [là] do ’n mhios, gabhaidh tu tarbh òg gun ghaoid, is glanaidh tu an naomh-ionad. 19 Agus gabhaidh an sagart do fhuil na h-iobairt-pheacaidh, agus cuiridh e i air postaibh an tighe, ’s air ceathair chearnaibh buinn na h-altarach, agus air postaibh geata na cùirt a stigh. 20 Agus mar sin ni thu air an t-seachdamh [la] do ’n mhios, air son gach aon a theid air seachran, agus a ni gu h-amaideach; mar sin ni sibh reite air son an teampuill. 21 Anns a’ cheud [mhios,] air a’ cheathramh là deug do ’n mhios, bidh a’ chàisg agaibh, féisd sheachd làithean, ithear aran gun taoisneadh. 22 Agus air an là sin deasaichidh am prionnsadh air a shon fein, agus air son uile shluaigh an fhearainn, tarbh air son iobairt-pheacaidh. 23 Agus air seachd làithean na féisde deasaichidh e iobairt-loisgte do ’n Tighearna, seachd tairbh agus seachd reitheachan gun ghaoid, gach là fad nan seachd làithean, agus meann do na gabhraibh gach là air son iobairt-pheacaidh. 24 Agus deasaichidh e tabhartas-bìdh, eadhon ephah air son tairbh, is ephah air son reithe, agus hin ola air son ephah. 25 Anns an t-seachdamh mios, air a’ chuigeamh là deug do ’n mhios, ni e do reir sin air feill nan seachd làithean, do reir an tabhartais-pheacaidh, do reir na h-ofrail-loisgte, ’s do reir an tabhartais-bhìdh, agus do reir na h-ola. [TD 267] ESECIEL. CAIB. XLVI. CAIB. XLVI. MAR so deir an Tighearna Dia, Bidh geata na cùirt a stigh, a ta ’g amharc ris an aird an ear, druidte na sea làithean oibre: ach air an t-sàbaide bidh e fosgailte, ’s air là na rè nuadh bidh e fosgailte. 2 Agus theid an t-uachdaran a steach air slighe sgà-thigh a’ gheataidh an taobh a mach, agus seasaidh e aig ursann a’ gheataidh, agus deasaichidh an sagart a thabhartas-loisgte, ’s a thabhartais-shìth, agus ni e aoradh aig stairsneich a’ gheataidh: an sin theid e mach, ach cha druidear an geata gu an-moch. 3 Mar an ceudna ni sluagh an fhearainn aoradh aig dorus a’ gheataidh so fa chomhair an Tighearna, air na sàbaidean, is air na gealaichibh nuadh. 4 Agus is i an iobairt-loisgte a bheir an t-uachdaran do’n Tighearna, air là na sàbaide, sea uain gun ghaoid, agus reithe gun ghaoid. 5 Agus is e an tabhartas-bìdh ephah air son reithe, agus an tabhartas-bìdh airson nan uan mar a bhios ’na chomas a thoirt uaithe, agus hin ola do ’n ephah. 6 Agus air là na ré nuadh bheir e tarbh òg gun ghaoid, agus sea uain, agus reithe: bithidh iad gun ghaoid. 7 Agus deasaichidh e tabhartas-bìdh, ephah air son tairbh, agus ephah air son reithe: agus air son nan uan do reir mar a bhios ’na chomas, agus hin ola air son ephah. 8 Agus ’nuair a theid an t-uachdaran a steach, theid e stigh air slighe sgà-thigh a’ gheataidh, agus theid e mach air a shlighe sin. 9 Ach ’nuair a thig muinntir an fhearainn fa chomhair an Tighearna, anns na h-ard-fheillibh, esan a theid a steach air slighe a’ gheataidh thuath gu aoradh, theid a mach air slighe a’ gheataidh dheas: agus esan a theid a steach air slighe a’ gheataidh dheas theid a mach air slighe a’ gheataidh thuath: cha phill e air slighe a’ gheataidh air an deachaidh e steach, ach theid e mach thall fa chomhair. 10 Agus theid an t-uachdaran a steach ’nam meadhon, tra theid iad a steach; agus tra theid iad a mach, theid e mach. 11 Agus air na feillibh, agus air na h-ard-fheillibh, is e an tabhartas-bìdh ephah air son tairbh, agus ephah airson reithe, ’s air son nan uan do reir a chomais, agus hin ola air son ephah. 12 A nis tra dheasaicheas an t-uachdaran o thoil fein iobairt-loisgte, no tabhartais-shìth, gu toileach do ’n Tighearna, fosglar dha an sin an geata ta ’g amharc ris an airde ’near, agus ulmhaichidh e iobairt-loisgte, is a thabhartasa-sìth, mar a rinn e air là na sàbaide: an sin theid e mach, agus an deigh dha dol a mach, druidear an dorus. 13 Ulmhaichidh tu gach là tabhartas-loisgte do ’n Tighearna, uan do ’n cheud bhliadhna gun ghaoid; ulmhaichidh tu e gach aona mhadain. 14 Agus ulmhaichidh tu tabhartas-bìdh air a shon gach aona mhadainn; an seathamh cuid do ephah, agus an treas cuid do hin ola, chum a mheasgadh leis a’ mhìn-chruineachd; tabhartas-bìdh do ghnà, le ordugh siorruith do ’n Tighearna. [TD 268] ESECIEL. CAIB. XLVII. 15 Mar so ulmhaichidh iad an t-uan, agus an tabhartas-bìdh, agus an ola, gach aona mhadainn, mar iobairt-loisgte ghnàthuichte. 16 Mar so deir an Tighearna Dia, Ma bheir an t-uachdaran tiolaca do aon air bith d’a mhacaibh, bidh a shealbh sin aig a mhacaibh, bidh a shealbh aca mar oighreachd. 17 Ach ma bheir e tiolaca d’a oighreachd do aon d ’a sheirbhisich, an sin bidh e aige-san gu bliadhna na saorsa: ’na dheigh sin, pillidh e chum an uachdarain; ach bidh oighreachd aig a mhacaibh dhoibh fein. 18 A thuill’ air so, cha ghabh an t-uachdaran do oighreachd an t-sluaigh le h-ain-neart, a chum an tilgeadh a mach as an seilbh; ach bheir e d’a mhacaibh oighreachd as a sheilbh fein: a chum nach bi mo shluagh-sa air an spìonadh gach aon o sheilbh. 19 ’Na dheigh sin, thug e mi trìd an fhosglaidh a bha aig taobh a’ gheataidh gu seomraichean naomh nan sagart, a bha ’g amharc ri tuath: agus feuch, bha àite ’n sin aig oisinn na h-airde ’niar. 20 An sin thuirt e rium, So an t-àite sam bruich na sagairt an iobairt-easaontais, agus an iobairt-pheacaidh, far am fuin iad an tabhartas-bìdh: a chum nach toir iad a mach iad gus a’ chùirt a mach, gus an sluagh a naomhachadh. 21 An sin thug e mach mi gus a’ chùirt a mach, is thug e orm gabhail seachad air ceathair oisinnibh na cùirte, agus feuch, bha cúirt anns gach aon oisinn do ’n chùirt. 22 An an ceathair oisinnibh na cùirte bha cùirtean ceangailte rithe, do fhichead [lamh-choille] air fad, is deich thar fhichead air leud: bha na ceathair oisinnean so do aon tomhas. 23 Agus bha aca balla mu ’n cuairt doibh ’nan ceathair, agus ionada-bruich deanta fo ’n bhalla mu ’n cuairt. 24 An sin thuirt e rium, Is iad so àiteachan na muinntir a bhruicheas, far am bruich luchd-frithealaidh an teampuill iobairtean an t-sluaigh. CAIB. XLVII. ’NA dheigh sin thug e mi rìs gu dorus an teampuill, agus feuch, bhrùchd uisgeachan amach o iochdar stairsnich an tighe ris an aird an ear: oir bha aghaidh an tighe ris an aird an ear, agus thainig na h-uisgeachan a nuas fuidhe, o thaobh deas an tighe, air taobh mu dheas na h-altarach. 2 An sin thug e mach mi air slighe a’ gheataidh mu thuath, is thug e orm siubhal mu ’n cuairt air an t-slighe muigh gus an geata mach, air an t-slighe ta ’g amharc ris an aird an ear, agus feuch, ruith uisgeachan amach air an taobh deas. 3 Agus ’nuair a chaidh an duine aig an robh an t-sreang ’na làimh, a mach air slighe na h-aird an ear, thomhais e mìle lamh-choille, is thug e mi roimh na h-uisgeacha: bha na h-uisgeachan gu ruig na h-aobrana. 4 A rìs thomhais e mìle, ’s thug e mi roimh na h-uisgeachan; bha na h-uisgeacha gu ruig na glùinean: a rìs thomhais e mìle, ’s thug e mi roimh na h-uisgeacha; bha na h-uisgeacha gu ruig na leasraidh. [TD 269] ESECIEL. CAIB. XLVII. 5 ’Na dheigh sin thomhais e mìle; ’s bha e ’na shruth nach b’ urra mi dol thairis: oir bha na h-uisgeachan air eirigh, uisgeachan air son snàimh annta, abhann nach feudta dol thairte. 6 Agus thuirt e rium, Nach faca tu, a mhic an duine? an sin thug e leis mi, agus thug e orm pilleadh gu bruaich na h-aibhne. 7 A nis tra phill mi, feuch, air bruaich na h-aibhne bha ro-mhoran chraobh, air an taobh so, agus air an taobh eile. 8 An sin thuirt e rium, Tha na h-uisgeachan so ag imeachd a mach rathad na tìre soir, agus a’ dol sios do ’n fhàsaich, agus a’ dol a steach do ’n fhairge; tra bheirear iad a mach a chum na fairge, leighisear na h-uisgeachan. 9 Agus tarlaidh, gu mair gach aona bheathach beo, a ta gluasad, taobh air bith gus an d’ thig na h-aibhnichean, beo: agus bidh lionmhoireachd ro-mhor éisg ann, a chionn gu d’ thig na h-uisgeachan so chuige: oir leighisear iad, agus mairidh gach ni beo far an tig an abhann. 10 Agus tarlaidh, gu seas na h-iasgairean oirre, o Engedi seadh gu ruig En-eglaim; bidh iad ’nan ionad a sgaoileadh a mach lion, bidh an iasg do reir an seorsa, mar iasg na fairge mòire, ro-lionmhor. 11 Ach a làthach is àiteachan fliucha cha bhi air an leigheas, bheirear iad thairis gu salann. 12 Agus air taobh na h-aibhne air a bruaich, air an taobh so ’s air taobh sin, fàsaidh na h-uile chraobhan air son bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e mach toradh nuadh do reir a mhiosan, do bhrì gu do shruth uisgeachan a mach o ’n ionad naomha, agus bidh a thoradh air son bìdh, agus a dhuilleach air son leighis. 13 Mar so deir an Tighearna Dia, So a’ chrioch, leis an sealbhuich sibh am fearann, do reir dà threabh dheug Israeil: bidh dà roinn aig Ioseph. 14 Agus sealbhuichidh sibh e, aon co maith r’a cheile: oir am fearann so mu’n do thog mise suas mo làmh, gu d’thugainn e do’r n-aithrichibh, tuitidh oirbhse mar oighreachd. 15 Agus so crioch an fhearainn air an taobh mu thuath, o’n fhairge mhoir, slighe Hetloin, mar a theid daoine gu Sedad: 16 Hamat, Berotah, Sibraim, a ta eadar crioch Dhamascuis agus crioch Hamait; Hasar-haticon, a ta laimh ri còrsa Haurain. 17 Agus o’n fhairge bidh a’ chrioch aig Hasar-enan, crioch Dhamascuis, agus an airde tuath air an taobh mu thuath, agus crioch Hamait: agus so an taobh mu thuath. 18 Agus an taobh an ear toimhsidh sibh o Hauran, agus o Dhamascus, agus o Ghilead, agus o fhearann Israeil laimh ri Iordan, o’n chrìch gu ruig an fhairge ’near: agus so an taobh an ear. 19 Agus an taobh deas mu dheas o Thamar, gu uisgeacha na strì ann an Cades, an sruth [TD 270] ESECIEL. CAIB. XLVIII. gus an fhairge mhor: agus so an taobh deas mu dheas. 20 An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhoir o’n iomall, gus an tig duine nall fa chomhair Hamait: so an taobh an iar. 21 Mar so roinnidh sibh am fearann so dhuibh, do reir fhineachan Israeil. 23 Agus tarlaidh, gu roinn sibh e le crannchur airson oighreachd dhuibh fein, is do na coigrich a bhios air chuairt ’nur measg, a ghineas clann ’nur measg: is bidh iad dhuibh mar gu biodh iad air am breth san dùthaich am measg cloinne Israeil, bidh oighreachd aca maille ruibh am measg fhineachan Iraeil. 23 Agus tarlaidh, anns an treabh anns am bi an coigreach air chuairt, an sin gu toir sibh dha oighreachd, deir an Tighearna Dia. CAIB. XLVIII. ANIS is iad so ainmean nan treabh o’n cheann mu thuath gu còrsa slighe Hetloin, mar a theid neach gu Hamat, Hasar-enan, crioch Dhamascuis mu thuath, gu còrsa Hamait, (oir is iad so a thaobhan an ear agus an iar,) bidh aon [roinn] aig Dan. 2 Agus laimh ri crìch Dhain, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Aser. 3 Agus laimh ri crìch Aseir, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Naphtali. 4 Agus laimh ri crìch Naphtali, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh. 5 Agus laimh ri crìch Mhanaseh, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim. 6 Agus laimh ri crìch Ephraim, o’n taobh an ear eadhon gus an taobh an iar, aon aig Reuben. 7 Agus laimh ri crìch Reubein, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iudah. 8 Agus laimh ri crìch Iudah, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, bidh tabhartas a bheir sibh seachad cuig mìle fichead [lamh-choille] air leud, agus air fad mar aon do na h-earrannaibh eile, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, is bidh an t-ionad naomha ’na mheadhon. 9 An tabhartas a bheir sibh seachad do’n Tighearna, bidh e cuig mìle fichead [lamh-choille] air fad, is deich mìle [lamh-choille] air leud. 10 Agus air an son-san, air son nan sagart, bidh an tabhartas naomha so, ris an airde tuath, cuig mìle fichead [lamh-choille air fad,] is ris an aird an iar deich mìle [lamh-choille] air leud, is ris an aird an ear deich mìle [lamh-choille] air leud, is ris an airde deas cuig mìle fichead [lamh-choille] air fad, agus bidh ionad naomh an Tighearna ’na mheadhon. 11 Bidh e airson nan sagart a ta naomhaichte, do mhacaibh Shadoic, a choimhid an ni a dh’ earb miseriu, nach deachaidh airseachran an uair a chaidh clann Israeil air seachran, mar a chaidh na Lebhithich air seachran. 12 Agus is ro-naomha dhoibhsan an tabhartas so an fhearainn, laimh ri crìch nan Lebhitheach. 13 Agus, thall fa chomhair crìche nan sagart, bidh aig na Lebhithich cuig mìle fichead [TD 271] ESECIEL. CAIB. XLVIII. [lamh-choille] air fad, is deich mìle [lamh-choille] air leud; is e am fad uile cuig mìle fichead [lamh-choille,] agus an leud deich mìle. 14 Agus cha reic iad deth, ni mò ni iad a mhalairt, no bheir iad uatha ceud-thoradh an fhearainn: oir tha e naomha do’n Tighearna. 15 Agus bidh na cuig mìle [lamh-choille] ta air am fàgail anns an leud, thall fa chomhair nan cuig mìle fichead, ’na ionad nach bi naomha, airson a’ bhaile, airson comhnuidh, is air son dlù-bhailtean, agus bidh am baile ’na mheadhon. 16 Agus so a thoimhsean, an taobh mu thuath ceathair mìle ’s cuig ceud, agus an taobh mu dheas ceathair mìle ’s cuig ceud, agus air an taobh an ear ceathair mìle’s cuig ceud, agus an taobh an iar ceathair mìle ’s cuig ceud. 17 Agus bidh dlù-bhailtean na caithreach ris an airde tuath dà cheud agus leth-cheud, is ris an airde deas dà cheud agus leth-cheud, is ris an aird an ear dà cheud agus leth-cheud, is ris an aird an iar dà cheud agus leth-cheud. 18 Agus bidh a’ chuid eile air leud, thall fa chomhair tabhartais a’ chuibhrinn naomh, deich mìle ris an taobh an ear, is deich mìle ris an taobh an iar: agus bidh e thall fa chomhair tabhartais a’ chuibhrinn naomha, agus bidh a chinneas mar lòn do luchd-frithealaidh na caithreach. 19 Agus ni a’ mhuinntir a fhrithealas do ’n bhaile fritheala dha as uile threabhaibh Israeil. 20 Is e an tabhartas uile cuig mìle fichead, le cuig mìle fichead: bheir sibh seachad an tabhartas naomha ceathair-chearnach, maille ri seilbh na caithreach. 21 Agus bidh a’ chuid eile airson an uachdarain, air an taobh so ’s air an taobh eile do ’n tabhartas naomha, ’s do sheilbh na caithreach thall fa chomhair nan cuig mìle fichead do’n tabhartas leth ris a’ chrìch an ear, agus an taobh an iar thall fa chomhair nan cuig mìle fichead leith ris a’ chrìch an iar, thall fa chomhair nan cuibhrionn airson an uachdarain, is bidh e so ’na thabhartas naomha, ’s bidh naomh-ionad an teampuill ’na mheadhon. 22 An deigh seilbh nan Lebhitheach, agus seilbh na caithreach, bidh sin anns a’ mheadhon aig an uachdaran, eadar crioch Iudah agus crioch Bheniamin, bidh so aig an uachdaran. 23 Do thaobh na codach eile do na treabhan o’n taobh an ear gus an taobh an iar, bidh aon [roinn] aig Beniamin. 24 Agus laimh ri crìch Bheniamin, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Simeon. 25 Agus laimh ri crìch Shimeoin, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Isachar. 26 Agus laimh ri crìch Isachair, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Sebulun. 27 Agus laimh ri crìch Shebuluin, o’n taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Gad. 28 Agus laimh ri crìch Ghaid, aig an taobh deas mu dheas, bidh a’ chrioch o Thamar eadhon gu uisgeachan na strì ann an Cades, gus an abhann leth ris an fhairge mhoir. 29 So am fearann a roinneas sibh le crannchur do threabhan Israeil airson oighreachd, agus [TD 272] DANIEL. CAIB. I. so na cuibhrinn, deir na Tighearna Dia. 30 Agus so dol a mach na caithreach air an taobh mu thuath, ceathair mìle’s cuig ceud tomhas. 31 Agus bidh geatachan na caithreach do reir ainmean threabhan Israeil, tri geatacha ris an airde tuath; aona gheata do Reuben, aona gheata do Iudah, aona gheata do Lebhi. 32 Agus air an taobh an ear ceathair mìle ’s cuig ceud: agus tri geatacha; aona gheata do Ioseph, aona gheata do Bheniamin, aona gheata do Dhan. 33 Agus air an taobh mu dheas ceathair mìle ’s cuig ceud tomhas: agus tri gheatachan; aona gheata do Shimeon, aona gheata do Isachar, aona gheata do Shebulun. 34 Air an taobh an iar ceathair mìle ’s cuig ceud, le ’n tri gheatachaibh; aona gheata do Ghad, aona gheata do Aser, aona gheata do Naphtali. 35 Bha e mu ’n cuairt ochd mìle deug [tomhas:] agus bidh mar ainm air a’ chaithir o’n là sin, A ta Iehobhah an sin. DANIEL. CAIB. I. ANNS an treas bliadhna do linn Iehoiacim righ Iudah, thainig Nebnchadnesar righ Bhabiloin gu Ierusalem, is chuairtich e le feachd e. 2 Agus thug an Tighearna Iehoiacim righ Iudah d’a laimh, le cuid do shoithichibh tighe Dhe, a thug e gu tìr Shinair, gu tigh a dhé, seadh thug e na soithichean gu tigh-taisg a dhé. 3 Agus labhair an righ ri Aspenas uachdaran a chaillteanach, gu d’ thugadh e leis cuid do chloinn Israeil, agus do shliochd an righ, agus do na prionnsachaibh. 4 Clann air nach robh ciuram air bith, ach a bha maiseach, agus foghluimte anns na h-uile ghliocas, agus fiosrach ann an eolas, agus seolta air ealuidh, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an righ, agus d’am feudadh iad foghlum agus teanga nan Caldeach a theagasg. 5 Agus dh’ orduich an righ dhoibh lòn lathail do bhiadh an righ, agus do’n fhion a bha e ’g òl: mar sin ’gan àrachadh trì bliadhna, a chum gu seasamh iad an ceann na h-aimsire sin an lathair an righ. 6 A nis am measg na muinntir so bha, do chloinn Iudah, Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: 7 D’an d’ thug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar, agus air Hananiah, Sadrach; agus air Misael, Mesach; agus air Asariah, Abednego. 8 Ach ghabh Daniel rùn ’na chridhe nach truailleadh e e fein leis a’ chuibhrionn do bhiadh an righ, no leis an fhion d’an d’ òl [TD 273] DANIEL. CAIB. II. e: uime sin ghuidh e air uachdaran nan caillteanach, nach biodh e air a shalachadh. 9 A nis thug Dia do Dhaniel deadh-ghean agus caoimhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach. 10 Agus thuirt uachdaran nan caillteanach ri Daniel, Tha eagal orm roimh mo thighearna an righ, a dh’ orduich ’ur biadh agus ’ur deoch: oir ciod uime am faiceadh e ’ur n-aghaidhean ni ’s measa coslas na chlann eile do’r seorsa? an sin cuiridh sibh mise ann an cunthart mo chinn o’n righ. 11 An sin thuirt Daniel ri Melsar, a chuir uachdaran nan caillteanach os cionn Dhanieil, Hananiah, Mhisaeil, agus Asariah, 12 Dearbh do sheirbhisich, guidheam ort, deich làithean, is thugar dhuinn peasair ri h-itheadh, is uisge r’a òl. 13 An sin amhaircear ar n-aghaidhean ann ad làthair-sa, agus aghaidh na cloinne ta ’g itheadh do chuibhrionn bìdh an righ: agus mar a chithear ceart duit, buin ri d’ sheirbhisich. 14 Is amhuil a dh’ aontaich e leo anns a’ chùis so, agus dhearbh e iad deich làithean. 15 Agus an ceann dheich làithean bha dreach an aghaidhean ni bu mhaisiche ’s ni bu shultmhoire na an uile chlann a dh’ ith an cuibhrionn do bhiadh an righ. 16 Mar so thug Melsar air falbh cuibhrionn am bìdh, agus am fion bu chòir dhoibh òl; is thug e dhoibh peasair. 17 Do thaobh nan ceathrar chloinne so, thug Dia dhoibh eolas agus tuigse anns na h-uile fhoghlum agus ghliocas: agus bha tuigs’ aig Daniel anns na h-uile sheallanaibh agus bhruadaraibh. 18 A nis aig ceann nan làithean, anns an dubhairt an righ gu d’ thugadh e steach iad, an sin thug uachdaran nan caillteanach a steach iad an làthair Nebuchadnesair. 19 Agus rinn an righ comhradh riu, agus ’nam measg uile cha d’ fhuaradh aon cosmhuil ri Daniel, Hananiah, Misael, is Asariah: air an aobhar sin sheas iad fa chomhair an righ. 20 Agus anns na h-uile ghnothaichibh gliocais agus tuigse a dh’ fhiosraich an righ dhiubh, fhuair e iad deich uairean ni b’ fhearr na na h-uile dhruidhean agus speuradairean a bha ’na rioghachd uile. 21 Agus mhair Daniel gu ceud bhliadhna righ Chiruis. CAIB. II. AGUS anns an dara bliadhna do linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadair, leis an robh inntinn air a buaireadh, agus dhealuich a chadal ris. 2 An sin dh’ àithn an righ na druidhean, agus na speuradairean, agus an luchd-fiosachd, agus na Caldeich a ghairm, a dh’ fheuchainn do ’n righ a bhruadar: is amhluidh thainig iad agus sheas iad an làthair an righ. 3 Agus thuirt an righ riu, Bhruadair mi bruadair, agus bha m’ inntinn air a buaireadh a dh’ fhaotainn fios a’ bhruadair. 4 An sin labhair na Caldeich ris an righ anns [a’ chànuin] Shiriaich, O a righ, mair gu [TD 274] DANIEL. CAIB. II. brath: innis do d’ sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh. 5 Fhreagair an righ agus thuirt e ris na Caldeich, Tha an ni air dol as m’ aire; mur toir sibhse fios domh air a’ bhruadar le bhrìgh, gearrar sibh ’nur bloighdibh, is nithear ’ur tighean ’nan dùn aolaich. 6 Ach ma dh’ fheuchas sibh an bruadar, agus a bhrìgh, gheibh sibh uamsa tiolacan agus duais, agus onoir mhor: uime sin feuchaibh dhomh am bruadar agus a bhrìgh. 7 Fhreagair iadsan a rìs agus thubhairt iad, Innseadh an righ d ’a sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh. 8 Fhreagair an righ agus thubhairt e, Tha fios agam gu deimhin gu b’ aill leibh ùine fhaotainn, a chionn gu bheil sibh a’ faicinn gu bheil an ni air dol as m’ aire. 9 Ach mur toir sibh fios domh air a’ bhruadar, [cha ’n ’eil ach an] aona bhreith dhuibh: oir dh’ ulmhaich sibh briathran breugach agus truaillidh gu labhairt am lathair-sa, gu atharrachadh na h-aimsire: uime sin innsibh dhomh am bruadar agus aithnichidh mi gur urradh sibh a bhrìgh fheuchainn dhomh. 10 Fhreagair na Caldeich ann am fianuis an righ, agus thubhairt iad, Cha ’n ’eil duine air an talamh is urradh gnothach an righ fhoillseachadh: air an aobhar sin, cha ’n ’eil righ, no tighearna, no fear-riaghlaidh a dh’ iarr an leithide so do nithibh air aon druidh, no speuradair, no Caldeach. 11 Agus is ni deacair a ta an righ ag iarruidh, is cha ’n ’eil aon air bith eile a ’s urradh fheuchainn fa chomhair an righ, ach na dée aig nach ’eil an comhnuidh maille ri feoil. 12 Air an aobhar so bha ’n righ ann am feirg, is ann an teas-chorruich, is dh’ àithn e uile dhaoine glice Bhabiloin a mhilleadh. 13 Agus chaidh an t-ordugh amach gu biodh na daoine glice air am marbhadh, agus dh’ iarr iad Daniel agus a chompanaich gu bhi air am marbhadh. 14 An sin fhreagair Daniel le comhairle ’s le gliocas Arioch ceann-feadhna freiceadain an righ, a chaidh a mach a mharbhadh dhaoine glice Bhabiloin. 15 Fhreagair e, agus thubhairt e ri Arioch ceann-airm an righ, C’ ar son a ta an t-ordugh co dian o ’n righ? An sin dh’ innis Arioch a’ chùis do Dhaniel. 16 An sin chaidh Daniel a steach, agus ghuidh e air an righ gu d’ thugadh e dha ùine, ’s gu feuchadh e do ’n righ a’ bhrìgh. 17 An sin chaidh Daniel gu thigh, agus dh’ innis e a’ chùis do Hananiah, Mhisael, agus Asariah a chompanaich: 18 A chum gu ’n iarradh iad trocair air Dia neimhe mu thimchioll na diomhaireachd so; a chum nach bàsaicheadh Daniel agus a chompanaich leis a’ chuid eile do dhaoine glice Bhabiloin. 19 An sin bha an diomhaireachd air a foillseachadh do Dhaniel ann an sealladh oidhche: an sin bheannuich Daniel Dia neimhe. 20 Fhreagair Daniel agus [TD 275] DANIEL. CAIB. II. thubhairt e, Beannuichte gu robh ainm Dhia gu saoghal is nan saoghal: oir is l’esan gliocas agus cumhachd. 21 Agus atharraichidh e na h-amanna, agus na h-aimsirean: atharraichidh e righrean, is cuiridh e suas righrean: bheir e gliocas do ’n ghlic, is eolas dhoibhsan d’ an aithne tuigse. 22 Foillisichidh e na nithe domhain agus diomhair: is aithne dha ciod a ta san dorchadas, agus tha an solus a chomhnuidh maille ris. 23 Bheirim buidheachas agus cliu dhuit, O thusa a Dhia m’ aithrichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios duinn a nis oir an ni dh’ iarr sinn ort: oir thug thu fios duinn a nis air gnothach an righ. 24 Uime sin chaidh Daniel a steach gu Arioch, a shonraich an righ gu daoine glice Bhabiloin a mhilleadh: chaidh e agus labhair e mar so ris, Na sgrios daoine glice Bhabiloin: thoir mise steach ann am fianuis an righ, agus feuchaidh mi do ’n righ an seadh. 25 An sin thug Arioch a stigh Daniel ann am fianuis an righ gu luath, agus thubhairt e mar so ris, Fhuair mi duine do bhraighdibh Iudah, a bheir fios do’n righ air an t-seadh. 26 Fhreagair an righ agus thubhairt e ri Daniel, d’am b’ainm Beltesasar, An urradh thusa fios a thoirt domh air a’ bhruadar a chunnaic mi, agus air a bhrìgh? 27 Fhreagair Daniel ann am fianuis an righ, agus thubhairt e, An diomhaireachd a dh’ iarr an righ, cha’n urradh na daoine glice, na speuradairean, na druidhean, no an luchd-fiosachd, fheuchainn do’n righ; 28 Ach tha Dia ann an neamh a dh’fhoillsicheas nithe diomhair, agus a ta toirt fios do Nebuchadnesar ciod a thachras anns na laithibh deireannach. Do bhruadar, agus aislinge do chinn air do leabaidh, is iad so iad; 29 (Do d’ thaobh-sa, O a righ, thainig do smaointe ann ad aire air do leabaidh, na nithe bha ri tachairt ’na dheigh so, agus tha esan a dh’ fhoillsicheas nithe diomhair a’ toirt fios duit ciod a thig gu crìch. 30 Ach do m’thaobh-sa, cha’n ’eil an diomhaireachd so air a leigeadh ris domh air son gliocais air bith a ta agam thar aon air bith beo, ach air an son-san a ni a’ bhrìgh aithnichte do ’n righ; agus a chum gu biodh fios agadsa air smaointe do chridhe.) 31 Chunnaic thusa, O a righ, agus feuch, iomhaigh mhor: sheas an iomhaigh mhor so, aig an robh dealradh oirdheirc, fa d’chomhair, agus bha a dreach uabhasach. 32 Bha ceann na h-iomhaigh so do òr finealta, a h-uchd agus a làmha do airgiod, a brù agus a sléisde do umha, 33 A lurganna do iarunn, a casan cuid do iarunn, agus cuid do chrè. 34 Chunnaic thu gus an robh clach air a gearradh a mach gun làmhan, a bhuail an iomhaigh air a casan a bha do iarunn is do chrè, agus a bhrist iad ’nam bloighdibh. 35 An sin bha an t-iarunn, a’chrè, an umha, an t-airgiod agus an t-òr, air am bristeadh ’nam bloighdibh le cheile, agus dh’ fhàs iad cosmhuil ri moll nan urlar-bualaidh anns an [TD 276] DANIEL. CAIB. II. t-samhra, ’s thug a’ ghaoth air falbh iad, air chor as nach d’fhuaradh àite sam bith dhoibh: agus dh’fhàs a’chlach a bhuail an iomhaigh ’na sliabh mor, is lion i an talamh uile. 36 So am bruadar; agus innsidh sinn a bhrìgh ann an lathair an righ. 37 O a righ, is righ os cionn righrean thusa: oir thug Dia neimhe dhuit rioghachd, cumhachd, agus neart, agus gloir. 38 Agus c’ àit air bith am bheil clann nan daoine a’ gabhail comhnuidh, beathaichean na machrach, agus eunlaith an athair, thug e do d’ làimh-sa, agus rinn e uachdaran diot os an cionn uile: is tusa an ceann so do òr. 39 Agus ann ad dheigh-sa eiridh rioghachd eile, ni ’s lugha na thusa, agus treas rioghachd eile do umha, aig am bi uachdranachd os cionn an domhain uile. 40 Agus bidh an ceathramh rioghachd làidir mar iarunn: amhuil a bhristeas iarunn gu bloighdean, agus a chlaoidheas e na h-uile nithe: agus amhuil iarunn a bhristeas iad so uile, bristidh i gu bloighdean, agus bruthaidh. 41 Agus mar a chunnaic thu na casan agus na meoir, cuid do chrè a chriadhair, is cuid do iarunn, bidh an rioghachd air a roinn, ach bidh innte do neart an iaruinn, ann a mheud as a chunnaic thu an t-iarunn air a mheasgadh le crè làthaiche. 42 Agus mar a bha meoir nan cas, cuid do iarunn, agus cuid do chrè; bidh cuid do ’n rioghachd làidir, agus cuid briste. 43 Agus mar a chunnaic thu iarunn air a mheasgadh le crè làthaiche, measgaidh iadsan iad fein le siol dhaoine: ach cha ghreimich iad r’a cheile, amhuil mar nach gabh iarunn tàthadh ri crè. 44 Agus ann an làithibh nan righrean so cuiridh Dia neimh a suas rioghachd, nach d’ theid gu siorruidh a sgrios: is cha bhi an rioghachd air a fàgail aig sluagh eile, [ach] bristidh i ’nam bloighdibh, agus caithidh i na rioghachdan so uile, agus seasaidh i gu siorruith. 45 Ann a mheud as gu faca tu gu robh a’chlach air a gearradh a mach as an t-sliabh as eugmhais làmhan, is gu do bhrist i ’nam bloighdibh an t-iarunn, an umha, a’ chrè, an t-airgiod, agus an t-òr; thug an Dia mor fios do ’n righ ciod a thig gu crìch ’na dheigh so: agus tha am bruadar cinnteach, agus a bhrìgh dearbhta. 46 An sin thuit an righ Nebuchadnesar air aghaidh, agus thug e urram do Dhaniel, is dh’ àithn e gu d’thugadh iad dha tabhartas agus boltrach cubhraidh. 47 Fhreagair an righ Daniel, agus thubhairt e, Gu firinneach is e bhur Dia-sa Dia nan dée, agus Tighearna nan righrean, agus fear-foillseachaidh nithe diomhair, air dhuitse bhi comasach an diomhaireachd so fhoillseachadh. 48 An sin rinn an righ duine mor do Dhaniel, is thug e dha moran thiolaca luachmhor, is rinn e fear-riaghlaidh dheth os cionn mhor-roinn Bhabiloin uile, agus ceannard air na h-uachdar [TD 277] DANIEL. CAIB. III. ain os cionn uile dhaoine glice Bhabiloin. 49 An sin dh’iarr Daniel air an righ, agus chuir e Sadrach, Mesach, is Abednego os cionn ghnothaichean mhor-roinn Bhabiloin: ach shuidh Daniel ann an geatadh an righ. CAIB. III. RINN Nebuchadnesar an righ iomhaigh òir, a bha tri fichead lamh-thoille air airde, agus sea lamha-coille air leud: chuir e suas i ann am machair Dhura, ann am mor-roinn Bhabiloin. 2 An sin chuir Nebuchadnesar an righ fios a chum gu cruinnichte le cheile na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, agus na cinn-fheadhna, na breitheachan, luchd-coimhid an ionnais, na comhairlich, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mor-roinn, gu teachd a chum coisreagaidh na h-iomhaigh a chuir Nebuchadnesar an righ a suas. 3 An sin bha na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, na cinn-fheadhna, na breitheachan, luchdcoimhid an ionnais, na comhairlich, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mor-roinn, air an cruinneachadh le cheile chum coisreagaidh na h-iomhaigh a chuir Nebuchadnesar an righ a suas, agus sheas iad fa chomhair na h-iomhaigh a chuir Nebuchadnesar a suas. 4 An sin ghlaodh fear-éighich gu h-ard, Dhuibhse ta e air àithneadh, O shluagh, fhineacha, agus a theanganna, 5 Ciod air bith am an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, dulcimeir, agus na h-uile seorsa ciuil, gu tuit sibh a sios is gu toir sibh aoradh do ’n iomhaigh òir a chuir an righ Nebuchadnesar a suas. 6 Agus cò air bith nach striochd a sios is nach dean aoradh, tilgear e san uair sin fein ann am builsgean fuirneis theinteich dhian-loisgeich, 7 Uime sin anns am sin, an uair a chualadh an sluagh uile fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, is na h-uile seorsa ciuil, thuit an sluagh uile, na fineacha, ’s na teanganna sios, is thug iad aoradh do ’n iomhaigh òir a chuir an righ Nebuchadnesar a suas. 8 Air an aobhar sin, anns an am sin thainig Caldeich àraid am fagus, agus chuir iad casaid air na h-Iudhaich. 9 Labhair iad, agus thubhairt iad ris an righ Nebuchadnesar, O a righ, mair gu bràth. 10 Thug thusa, O a righ, ordugh gu deanadh gach aon a chluinneadh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulcimeir, is na h-uile seorsa ciuil, striochdadh agus aoradh do ’n iomhaigh òir: 11 Agus cò air bith nach striochd a sios, is nach dean aoradh, gu biodh e air a thilgeadh ann am builsgean fuirneis theinteich dhian-loisgeich. 12 Tha Iudhaich àraid a chuir thu os cionn ghnothaichean mhor-rionn Bhabiloin, Sadrach, Mesach, agus Abednego: cha d’thug na daoine so, O a righ, meas ortsa, cha ’n ’eil iad a’ deanamh seirbhis do d’ dhéibh, no toirt [TD 278] DANIEL. CAIB. III. aoraidh do ’n iomhaigh òir a chuir thu suas. 13 An sin dh’ àithn Nebuchadnesar, ’na fheirg agus ’na chorruich, Sadrach, Mesach is Abed-nego a thoirt chuige: an sin thug iad na daoine so ann an làthair an righ. 14 Labhair Nebuchadnesar is thuirt e riu, Am bheil so fior, O Shadraich, a Mhesaich, is Abed-nego? nach ’eil sibhse toirt seirbhis do m’ dhéibh-sa, no toirt aoraidh do’n iomhaigh òir a chuir mi suas? 15 A nis ma bhios sibh deas, ge b’e air bith am anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulcimeir, is na h-uile seorsa ciuil, gu striochdadh asios agus aoradh a dheanamh do’n iomhaigh a rinn mise, [tha e ceart:] ach mur dean sibh aoradh, tilgear sibh anns a’ cheart uair sin ann am builsgean fuirneis theinteich dhian-loisgeich; agus cò an Dia sin a ’s urradh ’ur tearnadh as mo làmhan-sa? 16 Fhreagair Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, agus thubhairt iad ris an righ, O Nebuchadnesair, cha’n ’eil suim againne freagradh a thoirt duit anns a’ chùis so. 17 Ma’s amhuil a bhitheas, tha ar Dia-ne d’am bheil sinn a’toirt seirbhis comasach air ar saoradh o’n fhuirneis theinteich dhian-loisgeich, agus ni e ar saoradh as do laimh-sa, O a righ. 18 Ach mur dean, biodh fios agad, O a righ, nach toir sinn seirbhis do d’ dhéibh, no aoradh do ’n iomhaigh òir a chuir thu suas. 19 An sin bha Nebuchadnesar làn do chorruich, is bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, is Abed-nego; labhair agus dh’ àithn e, gu teasaicheadh iad an fhuirneis seachd uaire ni bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh. 20 Agus dh’ àithn e do na daoine bu treise ’na fheachd, Sadrach, Mesach, is Abed-nego a cheangal, agus a thilgeadh do ’n fhuirneis theinteich dhian-loisgeich. 21 An sin cheangladh na daoine so ’nan còtaichibh, ’nan triusaibh, agus ’nan ceann-eudaichibh, is ’nan eudaichibh [eile,] agus thilgeadh iad ann am meadhon na fuirneis theinteich dhian-loisgeich. 22 Air an aobhar sin, a chionn gu robh àithne an righ ro-theann, agus an fhuirneis ro-theith, mharbh lasair an teine na daoine sin a thog suas Sadrach, Mesach, is Abed-nego. 23 Agus thuit an triuir dhaoine so, Sadrach, Mesach, is Abed-nego, sios ceangailte ann am builsgean na fuirneis theinteich dhian-loisgeich. 24 An sin bha an righ Nebuchadnesar làn uamhainn, is dh’ eirich e suas ann an deifir, agus labhair e, agus thubhairt e r’a chomhairlich, Nach do thilg sinn triuir dhaoine ceangailte do mheadhon an teine? Fhreagair iadsan agus thuirt iad ris an righ, Is fior, O a righ. 25 Fheagair esan agus thubhairt e, Feuch, chi mi ceathrar dhaoine fuasgailte, a’ coiseachd ann am meadhon an teine, ’s cha’n ’eil dochann sam bith orra, ’s tha coslas a’ cheathramh fir mar mhac De. 26 An sin thainig Nebuchad- [TD 279] DANIEL. CAIB. IV. nesar dlù do bheul na fuirneis theinteich dhian-loisgeich, agus labhair e, ag radh, A Shadraich, Mhesaich, is Abed-nego, òglacha an De a’s airde, thigibh a mach, is thigibh an so. An sin thainig Sadrach, Mesach, is Abed-nego a mach a meadhon an teine. 27 Agus chunnaic na prionnsachan, na h-uachdarain, is na cinn-fheadhna, agus comhairlich an righ, a bha cruinn an ceann a cheile, na daoine so, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an corpaibh, ni mò bha fuiltean d’ an ceann dòithte, no an còtaichean air an caochladh, no boladh an teine dhiubh. 28 An sin labhair Nebuchadnesar agus thubhairt e, Gu ma beannuichte gu robh Dia Shadraich, Mhesaich, is Abed-nego, a chuir anuas aingeal, agus a shaor òglaich a chuir ann an dochas, agus a chuir an aghaidh focail an righ, agus a thug seachad an cuirp, a chum nach tugadh iad seirbhis no aoradh do dhia air bith, ach an Dia fein. 29 Uime sin tha mise a’ toirt teann-orduigh, gu bi gach sluagh, cinneach agus teanga, a labhras ni sam bith air dhochair an aghaidh Dhe Shadraich, Mhesaich is Abed-nego, air an gearradh ’nam bloighdibh, agus an tighean air an deanamh ’nan dùn aolaich, a chionn nach ’eil Dia air bith eile ann a’s urradh tearnadh air an doigh so. 30 An sin dh’ arduich an righ Sadrach, Mesach, is Abed-nego, ann am mor-roinn Bhabiloin. CAIB. IV. NEBUCHADNESAR an righ chum gach uile shluaigh, fhineacha, agus theanganna ta chomhnuidh air an talamh uile. Gu meudaichear sìth dhuibh. 2 Chunnacas ceart dhomh-sa na comharan agus na miorbhuilean a dh’ oibrich an t-ard Dhia do m’ thaobh a chur an ceill. 3 Cia mor a chomharan! is cia cumhachdach a mhiorbhuilean! a rioghachd-san is rioghachd shiorruith i, ’s tha uachdranachd o linn gu linn. 4 Bha mise Nebuchadnesar gu suaimhneach ann am thigh, agus gu h-àluinn ann am lùchairt: 5 Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, is rinn mo smaointe air mo leabuidh, agus aislinge mo chinn mo bhuaireadh. 6 Uime sin thug mi teann-ordugh uile dhaoine glice Bhabiloin a thoirt a steach am fhianuis, a chum gu tugadh iad fios domh air brìgh a’ bhruadair. 7 An sin thainig a steach na druidhean, na speuradairean, na Caldeich, agus na fiosaichean: agus dh’ innis mi am bruadar ’nan lathair; ach cha d’ thug iad fios dhomh air a bhrìgh. 8 Ach mu dheire thainig Daniel a steach am làthair, (d’ am b’ ainm Beltesasar, do reir ainme mo dhé-sa, agus anns am bheil spiorad nan dee naomha,) agus ’na làthair-san dh’ innis mi am bruadar, [ag radh,] 9 O Bheltesasair, thusa a’s airde do na druidhibh, a chionn gu bheil fios agam gu bheil spiorad nan dee naomha annad-sa, ’s nach [TD 280] DANIEL. CAIB. IV. cuir diomhaireachd air bith dragh ort, innis domh fios mo bhruadair a chunnaic mi, eadhon a bhrìgh. 10 Mar so bha aislinge mo chinn air mo leabuidh, Chunnaic mi, agus feuch, craobh ann am meadhon na talmhainn, agus bha a h’ airde mor. 11 Dh’ fhàs a’ chraobh, is bha i làidir, is ràinig a h-airde gu neamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile. 12 Bha a duilleach maiseach, agus a toradh pailt, agus innte bha biadh air son na h-uile: bha aig beathaiche na machrach sgàile fuipe, ’s ghabh eunlaith an adhair comhnuidh ’na geugaibh, agus bheathaicheadh na h-uile feoil uaipe. 13 Chunnaic mi ann an aislingibh mo chinn air mo leabuidh, agus feuch, thainig fear-faire, agus aon naomha nuas o neamh. 14 Ghlaodh e gu h-ard, is thubhairt e mar so, Gearr a sios an crann, agus sgath dheth a gheugan, crath dheth a dhuilleach, agus sgap a thoradh; imicheadh na beathaichean o bhi fuidhe, agus na h-eunlaith o gheugaibh. 15 Gidheadh, fàg bun a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iaruinn agus umha, ann am feur maoth na faiche, ’s biodh e fliuch le dealt neimh, is a chuibhrionn leis na beathaichibh ann am feur na talmhainn. 16 Atharruichear a chridhe o bhi ’na chridhe duine, ’s thugar dha cridhe ainmhidh, is gabhadh seachd ainmsirean thairis. 17 Tha chùis so le teann-ordugh nam fear-faire, ’s an t-iartas air focal nan naomha: a chum gu biodh fios aig na bheil beo gu bheil an Ti a’s airde a’ riaghladh ann an rioghachd dhaoine, agus ’ga tabhairt do neach air bith a ’s aill leis, agus a’ cur a suas os a cionn an ti a ’s suaraiche do dhaoinibh. 18 Am bruadar so chunnaic mise Nabuchadnesar an righ: a nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach ’eil uile dhaoine glice mo rioghachd comasach air fios a thoirt domh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan dée naomha annad. 19 An sin bha Daniel (d’ am b’ ainm Beltesasar) air a lionadh le h-uamhunn car aon uaire, agus rinn a smaointean a bhuaireadh: labhair an righ, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na deanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhoibh-san le ’m fuathach thu, agus a bhrìgh do d’ naimhdibh. 20 An crann a chunnaic thu, a dh’ fhàs, agus a bha làidir, a ràinig airde gu neamh, agus a shealladh gus an talamh uile; 21 Aig an robh a dhuilleach maiseach, agus a thoradh pailt, agus anns an robh biadh air son na h-uile; fuidh an do ghabh beathaichean na machrach comhnuidh, agus aig an robh air a gheugaibh aite-tàimh aig eunlaith an adhair. 22 Is tusa sin, O a righ, a ta air fàs agus air cinntinn làidir; oir tha do mheud air fàs agus a’ ruigheachd gu neamh, is d’ uachdranachd gu crìch na talmhainn. [TD 281] DANIEL. CAIB. IV. 23 Agus mar a chunnaic an righ fear-faire, ’s aon naomh a’ teachd a nuas o neamh, agus ag radh, Gearr an crann a sios, agus sgrios e, gidheadh fàg bonn a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iaruinn agus umha ann am feur maoth na faiche, ’s biodh e fliuch le dealt neimh, agus a chuibhrionn le beathaichibh na machrach, gus an gabh seachd aimsirean thairis; 24 So a’ bhrìgh, O a righ, agus so ordugh an Ti a ’s airde, a ta air teachd air mo thighearna an righ: 25 Gu fògair iad thu o dhaoine, ’s gu bi do chomhnuidh le beathaichibh na machrach, is bheir iad ort feur itheadh mar dhaimh, is fliuchaidh iad thu le dealt neimh, Is theid seachd aimsirean tharad, gus am bi fios agad gu bheil an Ti a ’s airde a’ riaghladh ann an rioghachd dhaoine, agus ’ga tabhairt do neach air bith a’s aill leis. 26 Agus mar a dh’ àithn iad bun freumh a’ chrainn fhàgail, bidh do rioghachd cinnteach dhuit, an deigh dhuit fios a bhi agad gu bheil na neamhan a’ riaghladh. 27 Uime sin, O a righ, biodh mo chomhairle-sa taitneach leat, agus brist air falbh do pheacanna le fireantachd, is d’ eaceairtean le trocair fheuchainn do na bochdaibh, a dh’ fheuchainn an dean so do shiochaint a shìneadh. 28 Thainig so uile air an righ Nebuchadnesar. 29 An ceann dà mhios deug bha e spaisdearachd ann an talla rioghachd Bhabiloin. 30 Labhair an righ agus thubhairt e, Nach i so Babilon mhor, a thog mise mar thigh na rioghachd, le neart mo cumhachd, is air son onoir mo mhòrachd? 31 Am feadh a bha am focal ann am beul an righ, thuit guth o neamh, ag radh, O a righ Nebuchadnesair, riutsa ta e air a labhairt, Tha an rioghachd air dealachadh riut. 32 Agus fògraidh iad thu o dhaoine, ’s bidh do chomhnuidh le beathaichibh na machrach: bheir iad ort feur itheadh mar dhaimh, is theid seachd aimsirean tharad, gus am bi fios agad gu bheil an Ti a ’s airde a’ riaghladh ann an rioghachd dhaoine, agus ’ga tabhairt do neach air bith a’ s aill leis. 33 Air an uair sin fein choilionadh a’ chùis air Nebuchadnesar; is bha e air fhògradh o dhaoine, agus dh’ ith e feur mar dhaimh, agus bha a cholann fliuch le dealt neimhe, gus an d’ fhàs fhionna mar chlòimh iolaire, agus iongannan mar [spuirean] eun. 34 Agus an ceann nan làithean, thog mise Nebuchadnesar a suas mo shùilean ri neamh, is phill mo thuigse chugam, agus bheannuich mi an Ti a ’s airde, agus chliudhaich mi ’s thug mi onoir dha-san a ta beo gu siorruith, aig am bheil uachdranachd ’na h-uachdranachd shiorruith, agus a rioghachd o linn gu linn. 35 Agus tha uile luchd-àiteachaidh nat almhainn air am meas mar neo-ni: is ni esan mar is aill leis ann am feachd neimh, is am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus cha ’n urradh aon neach a làmh a bhacadh, no ràdh ris, Ciod a tha thu deanamh? [TD 282] DANIEL. CAIB. V. 36 Anns an am sin fein phill mo thuigse chugam, agus do thaobh gloir mo rioghachd, phill m’ onoir is mo mhorachd chugam; agus dh’ iarr mo chomhairlich agus mo thighearnan do m’ ionnsuidh; is bha mi air mo dhaighneachadh ann am rioghachd, is thugadh tuilleadh dhomh do mhòrachd oirdheirc. 37 A nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliudhachadh is ag ardachadh, is a’ toirt onoir do Righ neimhe, aig am bheil uile oibre ’nam firinn, agus a shligheanna ’nam breitheanas, agus a’ mhuinntir a shiubhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh. CAIB. V. RINN Belsasar an righ cuirm mhor do mhìle d’a thighearnaibh, is dh’ òl e fion ann an làthair a’ mhìle. 2 Dh’ àithn Belsasar, ’nuair a theasaich e le fion, na soithichean òir agus airgid a thug athair Nebuchadnesar as an teampull a bha ’n Ierusalem, a thoirt chuige, a chum gu’n òladh an righ agus a mhor-uaislean, a mhnathan agus a choi-leapaich asda. 3 An sin thug iad chuige na soithichean òir a thugadh a teampull tighe Dhe, a bha ’n Ierusalem; agus dh’òl an righ agus a mhor uaislean, a mhnathan agus a choi-leapaich asda. 4 Dh’òl iad fion, is chliudhaich iad na dée òir, agus airgid, umha, iaruinn, fhiodha, agus chloiche. 5 Anns an uair sin fein thainig a mach meoir laimhe duine, agus sgriobh iad thall os cionn a’choinnleir, air aghaidh balla lùchairte an righ; agus chunnaic an righ a’ chuid do’n laimh a sgriobh. 6 An sin chaochail gnùis an righ, agus rinn a smaointean a bhuaireadh, air chor as gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, is bhuail a ghlùinean ann an aghaidh a cheile. 7 Ghlaodh an righ gu h-ard na speuradairean, na Caldeich, is na fiosaichean a thoirt a stigh: agus labhair an righ agus thubhairt e ri daoine glice Bhabiloin, Cò air bith a leughas an sgriobhadh so, agus a dh’ fheuchas domhsa a bhrìgh; sgeadaichear e le sgarlaid, is cuirear slabhraidh òir m’a mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rioghachd. 8 An sin thainig uile dhaoine glice an righ a steach, ach cha b’urradh iad an sgriobhadh a leughadh, no fios a thoirt do’n righ air a bhrìgh. 9 An sin bha an righ Belsasar gu mor air a bhuaireadh, is bha a ghnùis air a h-atharrachadh, agus uamhas air a thighearnan. 10 A nis thainig a’bhan-rioghainn, le briathraibh an righ agus a thighearnan, a stigh gu tigh na cuirme; agus labhair, a’ bhan-rioghainn ag radh, O a righ, mair beo gu bràth: na deanadh do smaointe do bhuaireadh, is na biodh do ghnùis air a caochladh. 11 Tha duine ann ad rioghachd, anns am bheil spiorad nan dée naomha, agus, ann an laithibh d’athar, bha solus agus tuisge, agus gliocas, mar ghliocas nan dée, air am faotainn ann; neach a rinn an righ Nebuchadnesar d’ athair, a rinn an righ, deirim, d’ athair ’na uachdaran air na [TD 283] DANIEL. CAIB. V. druidhean, speuradairean, Caldeich, agus fiosaichean; 12 Do bhrìgh gu d’ fhuaradh spiorad oirdheirc, agus eolas, agus tuigse, mìneachadh bhruadar, is taisbeanadh cheistean cruaidhe, is fuasgladh imcheistean, anns an Daniel so fein, air an d’ thug an righ mar ainm Beltesasar: a nis gairmear Daniel, agus feuchaidh esan a’ bhrìgh. 13 An sin thugadh Daniel asteach an lathair an righ; [agus] labhair an righ agus thubhairt e ri Daniel, An tusa an Daniel sin, a ta do chloinn bhraighdeanais Iudah, a thug an righ m’athair a tìr nan Iudhach? 14 Chuala mise iomradh ort, gu bheil spiorad nan dée annad, agus gu bheil solus, agus tuigse, agus gliocas oirdheirc air fhaotainn annad. 15 Agus a nis thugadh na daoine glice, na speuradairean, a steach am fhianuis, a chum gu leughadh iad an sgriobhadh so, agus gu d ’thugadh iad dhomhsa fios air a bhrìgh: ach cha b’urradh iad brìgh na cùise fhoillseachadh. 16 Agus chuala mi do d’thaobh-sa, gur urradh thu brìgh a thoirt a ni, agus ceistean fhuasgladh; a nis ma ’s urradh thu an sgriobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fheuchainn domhsa, éidear thu le sgarlaid, is cuirear slabhruidh òir mu d’ mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rioghachd. 17 An sin fhreagair Daniel is thubhairt e an lathair an righ, Biodh do thiolacan agad fein, is thoir do dhuaisean do neach eile, gidheadh leughaidh mise an sgriobhadh do ’n righ, agus leigidh mi ris a bhrìgh dha. 18 O thusa a righ, thug an Dia a’s airde do Nebuchadnesar d’ athair, rioghachd, agus mòrachd, agus gloir agus onoir. 19 Agus, air son na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h-uile shluagh, fhineacha, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an ti a b’ aill leis, is chumadh e beo an ti a b’ aill leis, agus chuireadh e suas an ti a b’ aill leis, agus chuireadh e sios an ti a b’ aill leis. 20 Ach ’nuair a bha a chridhe air a thogail a suas, agus inntin air a cruadhachadh ann an uabhar, chuireadh a sios o chathair rioghail e, agus thug iad a ghloir uaith. 21 Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, ’s bha a chridhe mar na h-ainmhidhean, agus a chomhnuidh leis na h-asalaibh fiadhaich: bhiadh iad le feur mar dhaimh, is bha a chorp fliuch le drùchd neimhe, gus an d’ aithnich e gu b’ e an Dia a ’s airde bha riaghladh ann an rioghachd dhaoine, ’s gu bheil e ’g orduchadh os a cionn an ti a ’s aill leis. 22 Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ ìslich thu do chridhe, ge do bha fios agad air so uile: 23 Ach thog thu suas thu fein an aghaidh Tighearna neimh, is thug iad soithichean a thighe ann ad lathair, agus dh’ òl thu fein is do thighearnan, do mhnathan agus do leannain, fion asda, agus chliudhaich thu na dée airgid agus oir, umha, iaruinn, fhiodha, agus chloiche, aig nach [TD 284] DANIEL. CAIB. VI. ’eil leirsinn, no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig am bheil d’ anail ’na laimh, agus d’ am buin d’ uile shlighe, cha do ghloraich thu. 24 An sin chuireadh a’ chuid do ’n laimh uaith, is bha an sgriobhadh so air a sgriobhadh. 25 Agus so an sgriobhadh a bha air a sgriobhadh, MENE, MENE, TECEL, UPHARSIN. 26 So brìgh na cùise; MENE, rinn Dia do rioghachd àireamh, agus chriochnaich e i. 27 TECEL, tha thu air do thomhas air a’ mheigh, is fhuaradh easbhuidheach thu. 28 PERES, roinneadh do rioghachd, is thugadh i do na Medich agus do na Persich. 29 An sin dh’àithn Belsasar gu ’n éideadh iad Daniel le sgarlaid, is gu cuireadh iad slabhruidh òir m’a mhuineal, is gu’n glaodhadh iad mu thimchioll, gu b’ e an treas fear-riaghlaidh a bhiodh anns an rioghachd. 30 Anns an oidhche sin chaidh Belsasar righ nan Caldeach a mharbhadh. 31 Agus ghlac Darius am Medach an rioghachd, is e mu thimchioll trì fichead is dà bliadhna dh’ aois. CAIB. VI. B’I toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rioghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rioghachd uile; 2 Agus os an cionn so trì uachdarain, (d’ am b’ e Daniel an ceud aon,) a chum gu d’ thugadh na h-uachdarain an cunntais doibh, is nach biodh calldach air bith aig an righ. 3 An sin bha Daniel so air ardachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad oirdheirc ann; agus bha e ’n aire an righ a chur os cionn na rioghachd uile. 4 An sin dh’ iarr na h-uachdarain agus na prionnsachan cùis air bith fhaotainn an aghaidh Dhanieil do thaobh na rioghachd, ach cha b’ urradh iad cùis air bith fhaotainn no coire: do bhrì gu robh e dileas, ni mò fhuaradh mearachd no coire sam bith ann. 5 An sin thuirt a’ mhuinntir so, Cha ’n fhaigh sinn cùis air bith an aghaidh an Danieil so, mur faigh sinn i ’na aghaidh do thaobh reachd a Dhe. 6 An sin chruinnich na h-uachdarain agus na prionnsachan so le cheile chum an righ, agus thuirt iad ris mar so, A righ Dhariuis, mair beo gu bràth. 7 Ghabh uile uachdarain na rioghachd, an luchd-riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlich, is na cinn-fheadhna comhairle le cheile gu reachd rioghail a dhaighneachadh, is ordugh làidir a dheanamh, ge b’ e dh’ iarras achuinge air bith air aon dia no duine rè deich làithean fichead, ach ortsa, O a righ, gu tilgear e ann an garaidh nan leomhann. 8 A nis, O a righ, daighnich an t-ordugh, agus seulaich an sgriobhadh, a chum nach caochlar e, do reir reachd nam Med- [TD 285] DANIEL. CAIB. VI. ach agus nam Persach, nach gabh atharrachadh. 9 Uime sin sheulaich righ Darius an sgriobhadh agus an t-ordugh. 10 A nis ’nuair a thuig Daniel gu deachaidh an sgriobhadh a sheulachadh, chaidh e chum a thighe, ’s air d’ a uinneagaibh a bhi fosgailte ’na sheomar ri Ierusalem, thuit e sios air a ghlùinibh trì uairean anns an latha, ’s rinn e urnaigh, agus thug e buidheachas an lathair a Dhia, mar a rinn e san aimsir roimhe. 11 An sin chruinnich na daoine so agus fhuair iad Daniel ag urnaigh, is a’ deanamh achuinge ann an lathair a Dhia. 12 An sin thainig iad am fagus, agus labhair iad ann am fianuis an righ mu thimchoill orduigh an righ, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a ni achuinge ri aon dia no duine, an taobh a stigh do dheich làithean fichead, ach riutsa, O a righ, gu tilgear ann an garaidh nan leomhann e? Fhreagair an righ agus thubhairt e, Tha chùis fior, do reir reachd nam Medach agus nam Persach, nach atharruichear. 13 An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an lathair an righ, Daniel sin a ta do chloinn bhruid Iudah, cha ’n ’eil suim aige dhiotsa, O a righ, no do ’n reachd a sheulaich thu, ach tha e ri achuinge tri uairean anns an latha. 14 An sin bha an righ, ’nuair a chuala e na briathran, ro-dhiombach dheth fein, agus shuidhich e a chridhe air Daniel d’ a shaoradh: agus shaothairich e gu dol fuidhe na greine chum a thearnadh. 15 An sin chruinnich na daoine so chum an righ, agus thubhairt iad ris an righ, Biodh fios agad, O a righ, gur e reachd nam Medach agus nam Persach, nach feudar ordugh no reachd air bith, a dhaighnich an righ, a chaochladh. 16 An sin dh’ àithn an righ, agus thug iad leo Daniel, is thilg iad e do gharaidh nan leomhann: agus labhair an righ ri Daniel, ag radh, Do Dhia, d’ am bheil thu toirt seirbhis do ghnà, ni esan do thearnadh. 17 Agus thugadh clach, is leagadh air beul na garaidh i, agus sheulaich an righ le sheula fein i, ’s le seula a thighearnan; a chùm nach biodh a chomhairle air a h-atharrachadh mu thimchioll Dhanieil. 18 An sin chaidh an righ d’ a thalla, agus chaith e ’n oidhche ri trasg: ni mò thugadh inneala ciuil ’na lathair, is dh’ imich a chadal uaithe. 19 An sin dh’ eirich an righ gu ro-mhoch anns a’ mhadainn, is chaidh e gu luath gu garadh nan leomhann. 20 Agus an uair a thainig e chum na garaidh, ghlaodh e le guth tiamhaidh ri Daniel; seadh labhair an righ, ag radh ri Daniel, O Dhanieil, òglaich an De bheo, am bheil do Dhia, d’ am bheil thu toirt seirbhis an comhnuidh, comasach air do thearnadh o na leomhannaibh? 21 An sin thuirt Daniel, O a righ, mair beo gu bràth. 22 Chuir mo Dhia-sa nuas aingeal, is dhruid e beoil nan leomhann air chor as nach d’rinn iad ma dhochann: do bhrìgh ’na fhianuis-san gu d’ fhuaradh neo-chionnt annam, agus fòs a’ d’ fhianuis-sa, O a righ, cha d’ rinn mi cron sam bith. [TD 286] DANIEL. CAIB. VII. 23 An sin bha an righ ro-aoibhneach air a shon, is dh’ àithn e gu d’ thugadh iad Daniel a nios a mach as a’ gharaidh: mar sin thugadh Daniel a nios as a’ gharaidh, is cha d’ fhuaradh gnè air bith dochainn air, a chionn gu do chreid e’na Dhia. 24 Agus dh’ àithn an righ, agus thug iad leo na daoine sin a chuir dìteadh air Daniel, is thilg iad iad do gharaidh nan leomhann, iad fein, an clann, agus am mnathan; agus thug na leomhainn buaidh orra, ’s bhrist iad an cnàmhan uile ’nam bloighdibh, mu ’n d’ ràinig iad ìochdar na garaidh. 25 An sin sgriobh Darius a chum nan uile shluagh, chinneach is chànuinean, a ta chomhnuidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh. 26 Tha mise a’ toirt orduigh, anns gach uile thighearnas do m’ rioghachd, gu bi crith agus eagal air daoine roimh Dhia Dhanieil: oir is esan an Dia beo, agus bunaiteach gu bràth, agus is i a rioghachd i sin nach sgriosar a choidhch, is uachdranachd tha gus a’ chrioch. 27 Saoruidh esan, agus tearnaidh, agus oibrichidh e comharan is miorbhuilean air neamh agus air talamh, neach a shaor Daniel o chumhachd nan leomhann. 28 Mar so shoirbhich Daniel so an linn Dhariuis, is ann an linn Chiruis am Persach. CAIB. VII. ANN an ceud bhliadhna Bhelshasair righ Bhabiloin, chunnaic Daniel bruadar, is aisling a chinn air a leabuidh: an sin sgriobh e am bruadar, is dh’ innis e suim nan nithe, 2 Labhair Daniel, agus thubhairt e, Chunnaic mi ann am aisling anns an oidhche, agus feuch, ghleachd ceathair ghaotha neimhe air an fhairge mhoir. 3 Agus thainig ceathair beathaichean mora nios as an fhairge, eag-samhuil aon o cheile. 4 Bh a’ cheud aon cosmhuil ri leomhann, is bha sgiathan iolaire aige: agus dh’ amhairc mi gus an an do spionadh a sgiathan, is thogadh a suas o’n talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasaibh mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine. 5 Agus feuch, beathach eile, an dara aon, cosmhuil ri math-ghamhainn, is thog e suas e fein air aon taobh, is bha aige tri giala ’na bheul, an taobh a stigh d’a fhiaclan: agus chaidh a radh ris mar so. Eirich, sluig mòran feola. 6 ’Na dheigh so dh’ amhairc mi, agus feuch, aon eile amhuil liopard aig an robh air a dhruim ceathair sgiathan eoin: bha aig a bheathach mar an ceudna ceathair chinn, agus thugadh dha uachdranachd. 7 ’Na dheigh so chunnaic mi ann an aislingibh na h-oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uabhasach, is anbharr làidir; agus bha fiaclan mora iaruinn aige, [agus iongannan praise:] shluig e suas agus bhrist e ann am bloighdibh, is shaltair e ’m fuighleach le chasaibh, is bha e ea-cosmhuil ris na h-uile bheathaichean a bha roimhe, agus bha deich adhaircean aige. 8 Thug mi fanear na h-adhaircean, is feuch, thainig a nios ’nam measg adharc bheag eile, roimh [TD 287] DANIEL. CAIB. VII. an robh trì do na ceud adhaircibh air an spionadh a nios as am freumhaibh: agus feuch, anns an adhairc so bha sùilean mar shuilean duine, agus beul a’ labhairt nithe mora. 9 Dh’ amhairc mi gus an robh na rì chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachda, agus folt a chinn mar olainn ghlain: a chathair-rioghail [mar] lasair theine, a roithean [mar] theine loisgeach. 10 Bhrùchd sruth teinteach, is thainig e mach as a lathair: bha mìle do mhìltibh a’ fritheala’ dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle ’na fhianuis: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’ fhosgladh na leabhraichean. 11 Dh’ amhairc mi ’n sin, do bhrì guth nam briathran mòr a labhair an adharc: dh’ amhairc mi, gus an do mharbhadh am beathach, is gus an robh a chorp air a sgrios, agus air a thoirt do ’n lasair loisgich. 12 A thaobh na codach eile do na beathaichibh, thugadh an uchdranachd air falbh: gidheadh shìneadh a mach am beatha, rè tamuill agus aimsire. 13 Chunnaic mi ann an aislingibh na h-oidhche, agus feuch, thainig neach cosmhuil ri mac an duine le neulaibh neimh, is thainig e chum Aosda nan làithean, is thug iad e dlù ’na lathair. 14 Is thugadh dha uachdranachd, agus gloir, agus rioghachd, a chum gu d’ thugadh na h-uile shluagh, chinneacha, agus theanganna dha seirbhis: uachdranachd is uachdranachd shiorruith nach siubhail thairis i, agus a rioghachd i sin nach sgriosar. 15 Bha mise Daniel muladach ann am spiorad, ann am meadhon mo chuirp, is rinn aislinge mo chinn mo bhuaireadh. 16 Thainig mi am fagus do aon dhiubh-san a sheas dlù, agus dh’ fheoraich mi dheth brìgh an iomlain deth so: an sin dh’ innis e dhomh, agus thug e fios dhomh air brìgh nan nithe. 17 Na ceathair beathaiche mora so, is ceathair righrean iad, a dh’ eireas a mach as an talamh, 18 Ach glacaidh naoimh an Ti a’s airde an rioghachd, is sealbhaichidh iad an rioghachd gu siorruith, eadhon gu saoghal nan saoghal. 19 An sin b’ aill leam fios fhaotainn air seadh a cheathramh beathaich, a bha eag-samhuil ri càch uile, anbharr uabhasach, aig an robh fhiacla do iarunn, is iongannan do phrais, a shluig suas, a bhrist ann am bloighdibh, is a shaltair am fuighleach le chasaibh, 20 Seadh fòs nan deich adharca bha ’na cheann, ’s na h-aon eile thainig a nios, agus roimh an do thuit trì, eadhon na h-adhairce sin aig an robh suilean, agus beul a labhair nithe ro-mhor, aig an robh sealla ni bu chruadalaiche na càch. 21 Dh’ amhairc mi, agus rinn an adharc cheudna cogadh ris na naoimh, agus bhuadhaich i ’nan aghaidh; 22 Gus an d’thaining Aosda nan làithean, agus an d’thugadh breitheanas do naoimh an Ti a’s airde; oir thainig an t-am anns an do shealbhuich na naoimh an rioghachd. 23 Mar so thubhairt e, Is e an ceathramh beathach an ceath- [TD 288] DANIEL. CAIB. VIII. ramh rioghachd a bhios air an talamh, a bhios eag-samhuil o na h-uile rioghachd, agus a shluigeas a suas an talamh uile, agus a shaltras a sios e, agus a bhristeas e ’na bhloighdibh. 24 Agus na deich adhaircean as an rioghachd so, is deich righrean iad, a dh’eireas a suas: agus eiridh aon eile ’nan deigh, is bidh e eag-samhuil o’n cheud aon, is ceannsaichidh e tri righrean. 25 Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Ti a’s airde, agus claoidhidh e naoimh an Ti a’s airde, ’s bidh dùil aige aimsirean is reachdan a chaochladh: agus bheirear iad d’a laimh, gu aimsir, is gu aimsirean, is gu roinn aimsire. 26 Ach suidhidh am breitheanas, is bheir iad air falbh a thighearnas, gu chaitheamh, agus gu a sgrios gu ruig a’ chrioch. 27 Agus bheirear an rioghachd agus an uachdranachd, agus mòrachd na rioghachd fuidh neimh uile, do mhuinntir naomh an Ti a’s ro-airde, aig am bheil a rioghachd ’na rioghachd shiorruith, is bheir na h-uile thighearnais seirbhis agus geill da. 28 An so bha crioch aig m’aisling. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuainte gu ro-mhor mo bhuaireadh, is dh’atharruich mo ghnùis annam, ach ghleidh mi a’chùis ann am chridhe. CAIB. VIII. ANNS an treas bliadhna do linn righ Bhelshasair, chunnacas, aisling leamsa, leamsa Daniel, an deigh sin a chunnacas leam an toiseach. 2 Agus chunnaic mi ann an aisling, (agus tharladh tra chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, anns an àros, a ta ann am mor-roinn Elaim,) agus chunnaic mi ann an aisling, is bha mi aig abhainn Ulai. 3 An sin thog mi suas mo shuilean, is chunnaic mi, agus feuch, sheas fa chomhair na h-aibhne reithe, aig an robh dà adhairc, is bha an dà adhairc ard; ach aon ni b’airde na ’n aon eile; agus thainig an aon a b’ airde nios mu dheire. 4 Chunnaic mi an reithe ag purradh le adharcaibh an iar, agus mu thuath, agus mu dheas; air chor as nach feudadh beathach air bith seasamh fa chomhair, ni mò bha neach ann a b’urradh saoradh as a laimh, ach rinn e do reir a thoile, agus dh’ fhàs e mor. 5 Agus am feadh a bha mi a’ beachdachadh, feuch, thainig boc-reithe o’n aird an iar, air aghaidh na talmhainn uile, ’s cha do bhean e do’n làr: agus bha adharc shonraicht aig a’ bhoc eadar a shuilean. 6 Agus thainig e chum an reithe aig an robh dà adhairc, a chunnaic mi ’na sheasamh fa chomhair na h-aibhne, agus ruith e d’a ionnsuidh ann an cuthach a threise. 7 Agus chunnaic mi e teachd teann air an reithe, agus dhùisg fhearg ’na aghaidh, agus bhuail e’n reithe, agus bhrist e a dha adhairc, is cha robh cumhachd air bith aig an reithe gu seasamh roimhe, ach thilg e sios a chum an làir e, agus shaltair e air: is cha robh neach air bith a b’urradh an reithe a thearnadh as a laimh. 8 Air an aobhar sin dh’fhàs [TD 289] DANIEL. CAIB. VIII. am boc-reithe ro-mhor, agus ’nuair a bha e làidir, chaidh an adharc mhor a bhristeadh: agus ’na h-àite thainig a nios ceathair adharca sonraichte, ri ceathair ghaothaibh neimhe. 9 Agus a mach as aon diubh thainig adharc bheag, a dh’fhàs anbharr mor, ris an airde deas, agus ris an aird an ear, agus ris an aird an iar. 10 Agus dh’fhas i mor, gu ruig feachd neimh, is thilg i sios cuid do ’n fheachd agus do na reultaibh a chum an làir, is shaltair i orra. 11 Seadh rinn i uaill aisde fein an aghaidh prionnsaidh an fheachd, agus leatha thugadh air falbh an iobairt lathail, is bha àite a naomh-ionaid air a thilgeadh a sios. 12 Agus thugadh feachd dh’i ’n aghaidh na h-iobairt lathail, do bhrìgh ea-ceairt, agus thilg i sios an fhirinn a chum an làir, is dhealbh i innleachdan, agus shoirbhich i. 13 An sin chuala mi aon naomh a’labhairt, agus thuirt naomh eile ris an naomh àraid sin a labhair, Cia fhad a bhios an aisling mu thimchioll na h-iobairt lathail, agus a bheirear thairis ea-ceairt gu milleadh, agus a bhios an naomh-ionad is am feachd air an saltairt fa chois? 14 Agus thuirt e rium, Gu da mhìle ’s tri cheud latha; an sin glanar an naomh-ionad. 15 Agus tharladh an uair a chunnaic mise, mise Daniel, an sealladh, agus a dh’iarr mi air son na brìgh, an sin feuch, sheas fa m’chomhair amhuil coslas duine. 16 Agus chuala mi guth duine eadar [bhruachan] Ulai, a ghlaodh agus a thubhairt, a Ghabrieil, thoir air an sealladh a thuigsinn. 17 Is amhuil a thainig e dlù do ’n àite san do sheas mi: agus ’nuair a thainig e, bha eagal orm, is thuit mi air m’aghaidh: ach thuirt e rium, Tuig, O mhic an duine, oir anns an aimsir dheirreannaich bithidh an sealladh. 18 A nis, am feadh a bha e labhairt rium, bha mi ann an cadal trom air m’ aghaidh ris an talamh: ach bhean e dhomh, is chuir e suas gu dìreach mi. 19 Agus thubhairt e, Feuch, bheir mise fios duit ciod a thachras ann an crìch dheirreanaich na dian-fheirge: oir anns an am a shonraicheadh thig a’chrioch. 20 An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin righrean Mhedia agus Phersia. 21 Agus a ghabhar ribeach is e sin righ na Gréige, agus an adharc mhor a ta eadar a shùilean, is e sin an ceud righ. 22 A nis, air dha sin bristeadh, mar a sheas ceathair a suas ’na àite, seasaidh ceathair rioghachdan a suas as a’ chinneach, ach cha ’n ann ’na neart-san. 23 Agus ann an amsir dheirreannaich an rioghachd, ’nuair a bhios luchd an easaontais air an coilionadh, seasaidh a suas righ aig am bi aghaidh bhorb, agus a thuigeas briathran dorcha. 24 Agus bidh a neart cumhachdach, ach cha’n ann le threise fein: agus sgriosaidh e gu h-iongantach, is soirbhichidh leis, is bheir e gu crìch, is millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomha. 25 Agus trìd a sheoltachd fòs [TD 290] DANIEL. CAIB. IX. bheir e air ceilg soirbheachadh ’na laimh, is ni e uaill as fein ’na chridhe, ’s le foill sgriosaidh e moran: seasuidh e fòs a suas an aghaidh prionnsaidh nam prionnsachan, ach bristear e as eugmhais laimhe. 26 Agus tha aisling nan laithean, a chaidh innseadh, fior: air an aobhar sin druid thusa suas an sealladh, oir bithidh e’n ceann mhoran làithean. 27 Agus ormsa Daniel thainig fàilinn, is bha mi tinn car laithean àraid; ’na dheigh sin dh’ eirich mi suas, is rinn mi gnothaichean an righ, is bha uabhas orm mu’ n aisling, ge nach d’thug aon neach sin fanear. CAIB. IX. ANN an ceud bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, do shiol nam Medach, a rinneadh ’na righ oscionn rioghachd nan Caldeach; 2 Anns a’ cheud bhliadhna d’a linn-san, thuig mise Daniel, le leabhraichean, àireamh nam bliadhnachan, mu’ n d’ thainig focal an Tighearna gu Ieremiah am fàidh, gu coilionadh e deich is tri fichead bliadhna sam biodh Ierusalem ’na làraichibh. 3 Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, d’a iarruidh le h-urnaigh agus le h-achuinge, le trasg, is le eudach saic, is le luaithreadh. 4 Agus rinn mi urnaigh ris an Tighearna mo Dia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mor agus uabhasach, a’ cumail co-cheangail is trocair riu-san a ghradhaicheas e, agus do’n dream a choimhideas aitheantan: 5 Pheacaich sinne, ’s chuir sinn an gniomh ea-ceairt, is rinn sinn gu h-aingidh, is bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh ri d’ aitheantaibh agus ri d’ bhreitheanais. 6 Ni mò dh’eisd sinn ri d’sheirbhisich na fàidhean, a labhair ann a d’ainm-sa ri ’r righrean, ri’r n-uachdarain, agus ri ’r n-aithrichean, is ri uile shluagh an fhearainn. 7 O Thighearna, buinidh fireantachd dhuitse, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là an diugh: do mhuinntir Iudah, is do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, is do uile Israel dlù, agus fad as, feadh nan uile dhùchannan gus an d’ fhògair thus’ iad, air son am peacannan a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa. 8 O Thighearna, dhuinne buinidh nàire gnùise, do ’r righean, do ’r prionnsachan, agus do’r n-aithrichean, a chionn gu do pheacaich sinn a’d’ aghaidh-sa. 9 Do’n Tighearna ar Dia buinidh trocairean is maitheanais, ge do rinn sinne ar amach ’na aghaidh. 10 Ni mò thug sinn geill do ghuth Iehobhah ar Dia, a chum gluasad na reachdaibh a chuir e romhainn, le sheirbhisich na fàidhean. 11 Seadh, bhrist Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaoibh, a chum nach d’thugadh iad geill do d’ ghuth, air an aobhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirn, agus an truaighe ata sgriobhta ann an lagh Mhaois oglaich Dhe, a chionn gu do pheacaich sinn ’na aghaidh. 12 Agus dhaighnich e a bhriathan a labhair e’nar n-aghaidh, agus an aghaidh ar breith- [TD 291] DANIEL. CAIB. IX. eachan a thug breith oirn, le dòrainn mhoir a thoirt oirn; oir fuidh an iomlan do neamh cha d’rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem. 13 Mar ata e sgriobhta ann an lagh Mhaois, tha an t-olc so uile air teachd oirn: gidheadh cha d’rinn sinn ar n-urnaigh fa chomhair an Tighearna ar Dia, a chum gu bitheamaid air ar pilleadh o’r n ea-ceartaibh, agus gu tuigeamaid d’fhirinn. 14 Uime sin rinn Dia faire air an olc, is thug e oirn e: oir tha Iehobhah air Dia ceart ’na uile oibribh ata e deanamh: oir cha d’ thug sinne geill d’a ghuth. 15 Agus a nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a mach a talamh na h-Eiphit le laimh chumhachdaich, agus a fhuair dhuit fein cliu mar air an là an diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h-aingidh. 16 O Thighearna, do reir d’uile fhireantachd, guidheam ort, leig le d’chorruich is le d’ fheirg pilleadh air falbh o d’chaithir Ierusalem, do shliabh naomha: a chionn, air son ar lochdan, is airson aingeachdan ar n-aithrichean, gu bheil Ierusalem agus do shluagh ’nam masladh do na h-uile mu’n cuairt duinn. 17 A nis uime sin, O ar Dia, eisd urnaigh d’ òglaich, agus achuinge, agus thoir air do ghnùis dealradh air d’ionad naomh a ta ’na làraich, air sgà an Tighearna. 18 O mo Tighearna, crom do chluas, agus cluinn; fosgail do shuilean, agus faic ar sgaoileadh, agus a’ chaithir a ta air a gairm air d’ainm: oir cha’n ’eil sinn a’ taisbeanadh ar n-achuingean a’d’ làthair air son ar n-ionracais, ach airson do mhor-thòcair fein. 19 O Thighearna, eisd, O Thighearna maith, O Thighearna cluinn agus dean, na dean maille, air do shon fein, O mo Dhia: or tha do chaithir agus do shluagh air an gairm air d’ainm. 20 Agus am feadh a bha mi a’ labhairt, agus ag urnaigh, ’s ag aideachadh mo lochd, agus lochd mo shluaigh Israeil, agus a’ taisbeanadh m’ achuinge an lathair an Tighearna mo Dhia, airson sleibh naomha mo Dhia: 21 Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an urnaigh, an neach ceudna, a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel, air an d’ thugadh itealuich gu luath, bhean rium mu am na h-iobairt fheasgair. 22 Agus thug e dhomh fiosrachdadh, agus labhair e rium, agus thubhairt e, O Dhanieil, tha mise nis air teachd a mach a thoirt duit gliocais agus tuigse. 23 Aig toiseach d’ achuinge thainig an àithne mach, is thainig mise a dh’ fheuchainn duit: oir tha thu air do ghradhachadh gu ro-mhor: uime sin tuig a’chùis, is thoir fanear an aisling. 24 Deich is trì fichead seachduin tha air an orduchadh air do shluagh is air a’chaithir naoimh, a chriochnachadh ea-ceairt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dheanamh réite airson a ngeachd, agus a thoirt a steach fireantachd shiorruith, agus a sheulachadh a suas na h-aislinge ’s na fàisneachd, is a dh’ ungadh an Ti a’s ro-naomha. [TD 292] DANIEL. CAIB. X. 25 Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a mach na h-àithne gu Ierusalem aiseag is a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsadh, gu bi seachd seachduinean, is trì fichead agus dà sheachduin: togar an t-sràid a rìs agus am balla, eadhon ann an aimsiribh carraideach. 26 Agus an ceann nan trì fichead agus dà sheachduin, gearrar Mesiah as, ach cha’n ann air a shon fein: agus sgriosaidh sluagh a phrionnsaidh a thig a’chaithir, agus an naomh-ionad, is bidh a chrioch sin le tuil, agus gu deireadh a’chogaidh tha leir-chreach air a h-orduchadh: 27 Agus daighnichidh esan an co-cheangal ri moran car aon seachduin: agus ann am meadhon na seachduine bheir e air an iobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampull bidh grainealachd an leir-sgrios, gus an coilionar an sgrios a dh’ orduicheadh, air a làraich fhàsail. CAIB. X. ANN an treas bliadhna Chiruis righ Phersia, dh’fhoillsicheadh ni do Dhaniel, (d’ am b’ainm Beltesasar,) agus bha an ni fior, agus mu thimchioll feachd mhoir: agus thuig e a’ chùis, oir bha e eolach ann an sealladh. 2 Anns na làithibh sin bha mise Daniel ri bròn tri seachduinean iomlan. 3 Cha d’ith mi aran taitneach air bith, ni mò thainig feoil no fion an am bheul, ni mò dh’ung mi mi fein idir, gus an robh trì seachduinean iomlan air an coilionadh. 4 Agus air a’ cheathramh là fichead do’n cheud mhios, an uair a bha mi ri taobh na h-aibhne moire, Hidecel: 5 An sin thog mi suas mo shùilean, is dh’ amhairc mi, agus feuch, duine àraid ann an eudach lìn, aig an robh a leasraidh crioslaichte le òr grinn Uphais: 6 Bha a chorp fòs cosmhuil ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shuilean mar lochrana teine, ’s a ghairdeanan agus a chasan cosmhuil ann an dath ri umha liomhta, agus fuaim a bhriathran cosmhuil ri guth sluaigh mhoir. 7 Agus chunnaic mise Daniel amhàin an sealladh, oir cha’n fhaca na daoine bha maille rium an sealladh: ach thuit crith mhor orra, ionus gu do theich iad gu iad fein fholach. 8 Air an aobhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, is chunnaic mi an sealladh mor so, ’s cha d’ fhan cumhachd air bith annam: oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, is cha do ghleidh mi neart air bith. 9 Gidheadh chuala mi fuaim a bhriathran: agus an uair a chuala mi fuaim a bhriathran, an sin bha mi ann an cadal trom air m’aghaidh, is bha m’aghaidh ris an làr. 10 Agus feuch, bhean lamh rium, a chuir mi air mo ghlùinibh, agus air basaibh mo lamh. 11 Agus thuirt e rium, O Dhanieil, a dhuine tha gu mor air do ghràdhachah, tuig na briathran a ta mise a’ labhairt riut, agus eirich ann ad sheasamh: oir do d’ ionnsuidh-sa tha mi nis air mo chur. Agus, an uair a labhair e am focal so rium, sheas mi air chrith. [TD 293] DANIEL. CAIB. XI. 12 AN sin thuirt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil, oir o’n cheud là san do chuir thu do chridhe gu tuigsinn, is gu thu fein irisleachadh ann an làthair do Dhia, bha do bhriathran air ann cluinntin, is tha mise air teachd airson do bhriathran. 13 Ach sheas prionnsadh rioghachd Phersia ann am aghaidh là thar fhichead: ach feuch, thainig Michael aon do na h-ard phrionnsachan gu m’ choghnadh, agus dh’ fhan mi an sin le righribh Phersia. 14 A nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras do d’ shluagh anns na làithibh deireannach: oir tha an sealladh fathasd rè [mhoran] làithean. 15 Agus, an uair a labhair e ’n leithide so do bhriathraibh rium, chuir mi m’ aghaidh ris an làr, is bha mi ann am thosd. 16 Agus feuch, bhean neach cosmhuil ri samhladh mhaca dhaoine ri m’ bhilibh; an sin dh’ fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi risan a sheas fa m’ chomhair, O mo thighearna, leis an t-sealladh tha m’ uilt air fuasgladh o cheile, agus threig mo neart mi. 17 Oir cionnus a dh’ fheudas òglach an ti so mo thighearna labhairt ris an ti so mo thighearna? oir air mo shon-sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, ni mò a dh’ fhàgadh anail annam. 18 An sin thainig a rìs agus bhean rium neach cosmhuil ri samhladh duine, agus neartuich e mi, 19 Agus thubhairt e, O dhuine, a ta air do ghràdhachadh gu mor, na biodh eagal ort, sìth dhuit, bi làidir, seadh, bi làidir. Agus anuair a labhair e rium, neartuicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh. 20 An sin thubhairt e, Am bheil fios agad c’ ar son a thainig mi do d’ ionnsuidh? agus a nis pillidh mi gu cogadh ri prionnsadh Phersia: agus an uair a theid mise mach, feuch, thig prionnsadh na Gréige. 21 Ach feuchaidh mi dhuit an ni sin a ta comharaicht’ ann ann an sgrioptur na firinn: is cha ’n ’eil aon a chuireas leamsa anns na nithe so ach Michael ’ur Prionnsadh-sa. CAIB. XI. AGUS ann an ceud bhliadhna Dhariuis a’ Mhedich, sheas mise gu dhaighneachadh agus gu neartachadh. 2 Agus a nis feuchaidh mi dhuit an fhirinn, Feuch, seasaidh a suas fathasd trì righrean ann am Persia, agus bidh an ceathramh ni ’s beartaiche gu mor na iad uile: agus le chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h-uile ’n aghaidh rioghachd na Gréige. 3 Agus seasaidh righ cumhachdach asuas a riaghlas le tighearnas mor, agus a ni do reir a thoile fein. 4 Agus an uair a sheasas e suas, bristear a rioghachd, is roinnear i ri ceathair ghaothaibh neimhe; agus cha ’n ann d’a shliochd, no do reir a thighearnais a riaghlaich e: oir bidh a rioghachd air a spionadh a nios, eadhon air son [TD 294] DANIEL. CAIB. XI. muinntir eile, ’n taobh a muigh dhiubh so. 5 Agus bidh righ na h-airde deas làidir, ach bidh aon do na prionnsachaibh eadhon ni ’s làidire na esan; agus bidh aige tighearnas ni ’s mò na thighearnas-san. 6 Agus an ceann bhliadhnachan ceanglaidh iad iad fein le cheile; oir thig nighean righ na h-airde deas a chum righ na h-airde tuath a dheanamh réite eatorra: ach cha ghleidh i cumhachd a’ ghairdein, ni mò sheasas i fein no a sliochd; ach bheirear ise seachad, agus iadsan a thug leo i, agus esan a rug i, agus esan a neartuich i anns na h-aimsiribh so. 7 Ach a mach a meangan d’a freumh seasaidh aon asuas ’na inbhe, a thig le feachd, agus a theid a steach gu daighneach righ na hairde tuath, is cuiridh e ’nan aghaidh, is bheir e buaidh: 8 Agus bheir e fòs ’nam braighdean do ’n Eiphit, an dée maille ri m’ prionnsaibh, agus ri ’n soithichibh luachmhor airgid agus òir, agus buanaichidh e tuille bhliadhnachan na righ na h-airde tuath. 9 Mar sin thig righ na h-airde deas d’ a rioghachd-san, agus pillidh e gu dhùthaich fein. 10 Ach bidh a mhic air an dùsgadh a suas, is cruinnichidh iad sluagh do fheachdaibh mora: agus thig [aon] gu deimhin, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e trìd: an sin pillidh e, agus dùisgear a suas e, gu ruig a a dhaighneach. 11 Agus dùisgear righ na h-airde deas le feirg, is thig e mach is cogaidh e ris, [eadhon] ri righ na h-airde tuath: agus cuiridh e mach sluagh mor, ach bheirear am mor-shluagh thairis d’ a laimh-san. 12 Agus ’nuair a bheir e air falbh am mor shluagh, bidh a chridhe air a thogail asuas, is tilgidh e sios deich mìltean; gidheadh cha neartuichear e. 13 Oir pillidh righ na h-airde tuath, is cuiridh e sluagh mor a mach, a ’s mò na cheud sluagh, is thig e gu cinnteach (an deigh bhliadhnachan àraid,) le feachd mor, is le pailteas saibhreis 14 Agus anns na h-aimsiribh sin seasaidh moran a suas an aghaidh righ na h-airde deas: mar au ceudna ni luchd-creachaidh mo shluaigh-sa iad fein ardachadh a chum an sealladh a dhaighneachadh, ach tuitidh iad. 15 Mar sin thig righ na h-airde tuath, agus tilgidh e suas torr, is glacaidh e na bailtean is làidire, ’s cha seas gairdeanan na h-airde tuath ’na aghaidh, no a shluagh taghta, ni mò bhios neart air bith a chuireas ’na aghaidh. 16 Ach ni esan a thig ’na aghaidh do reir a thoile fein, is cha seas neach air bith roimhe: agus seasaidh e san tìr ghlormhoir, a bhios air a sgrios le laimh. 17 Suidhichidh e fòs aghaidh gu dol a steach le neart a rioghachd uile, ’s daoine ionraic maille ris: mar so ni e, ’s bheir e dha nighean nam ban d’a truailleadh: ach cha seas i air a thaobh-san, ni mo bhios i air a shon. 18 ’Na dheigh so tionndaidh e aghaidh ris na h-eileanaibh, is glacaidh e moran: ach bheir [TD 295] DANIEL. CAIB. XI. prionnsadh air a shon fein fanear gu sguir am masladh a thug e uaith: gun mhasladh dha fein bheir e air pilleadh airsan. 19 An sin tionndaidh e aghaidh ri daighneach a thìre fein: ach gheibh e tuisleadh is leagadh, is cha bhi e ri fhaotainn. 20 An sin seasaidh suas ’na àite aon a chuireas fear-togail chìsean thar an rioghachd ghlormhoir; ach an ceann bheagan làithean sgriosar e, cha ’n ann an corruich, no an cath. 21 Agus ’na àite-san seasaidh suas neach suarach, do nach toir iad onoir na rioghachd: ach thig e steach gu sìothchail, is gheibh e ’n rioghachd le miodal. 22 Agus gairdeana na tuile bàthar as a lathair, agus bristear iad; seadh, fòs prionnsadh a chocheangail. 23 Agus, an deigh na réite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e nios, is fàsaidh e làidir le sluagh beag. 24 Theid e steach gu siothchail eadhon air na h-ionadan is fearr do ’n mhor-roinn, agus ni e sin nach d’ rinn aithrichean, no aithrichean aithrichean, sgapaidh e ’nam measg a’ chreach, agus an cobhartach, agus an saibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daighnichean làidir, eadhon re feal. 25 Agus dùisgidh e suas a chumhachd agus a chruadal an aghaidh righ na h-airde deas le feachd mor, is bidh righ na h-airde deas air a dhùsgadh asuas gu cath, le seachd ro-mhor agus cumhachdach; ach cha seas e: oir dealbhaidh iad innleachdan ’na aghaidh. 26 Seadh, marbhaidh iadsan a dh’ itheas cuibhrionn d’a bhiadh e, agus sgaoilidh fheachd a mach mar thuil: agus tuitidh moran a sios marbh. 27 Agus bidh cridheachan nan righrean so araon air aimhleas a dheanamh, agus labhraidh iad breugan air aona bhord; ach cha soirbhich sin: oir fathasd bidh a’ chrioch anns an am a shonraicheadh. 28 An sin pillidh esan gu dhùthaich le saibhreas mor, is bidh a chridhe ’n aghaidh a cho-cheangail naomha: agus an deigh so a dheanamh, pillidh e gu thìr fein. 29 Anns an am a shonraicheadh pillidh e, agus thig e ris an airde deas, ach cha bhi na nithe mu dheire mar na ceud nithe. 30 Oir thig longa Chitim ’na aghaidh: air an aobhar sin bidh doilghios air, is pillidh e, ’s bidh fearg air an aghaidh a’ cho-cheangail naomha: is amhuil a ni e, eadhon pillidh e, agus cumaidh e bàigh riu-san a threigeas an co-cheangal naomha. 31 Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh-ionad an neairt, is bheir iad air falbh an iobairt lathail, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs. 32 Agus a’ mhuinntir a ni gu h-olc an aghaidh a’ cho-cheangail, truaillidh e le sodal: ach an sluagh aig am bheil eolas air an Dia, bidh iadsan làidir, is ni iad gu treun. 33 Agus iadsan aig am bheil tuigse am measg an t-sluaigh, teagaisgidh iad moran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, is [TD 296] DANIEL. CAIB. XII. leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè làithean. 34 A nis ’nuair a thuiteas iad, cuidichear iad le beagan cuideachaidh: ach leanaidh moran riu le miodal. 35 Agus tuitidh cuid dhiubh-san aig am bheil tuigse, chum an dearbhadh, agus an glanadh, agus an deanamh geal, eadhon gu am na crìche; a chionn gu bheil e fathasd air son am a shonraicheadh. 36 Agus ni an righ do reir a thoile fein, is ardaichidh e e fein, is ni e mor-chuis as fein os cionn gach dé, is labhraidh e nithe iongantach an aghaidh Dhe nan dee, agus soirbhichidh leis gus an coilionar a’ chorruich: oir nithear an ni sin a dh’ orduicheadh. 37 Ni mò bhios suim aige do dhia aithrichean, no do thoil bhan, no suim do dhia air bith: oir mòraichidh e e fein os cionn na h-uile. 38 Ach ’na àite bheir e onoir do ’n dia Mahusim: agus do dhia nach b’ aithne d’ a aithrichean bheir e onoir le h-òr agus airgiod, is clachaibh riomhach, is nithibh taitneach. 39 Do luchd-coimhid Mhahusim, dhe choimhich, a ta esan ag aideachaidh, bheir e onoir mhor, is bheir e orra riaghladh thar moran, is roinnidh e ’m fearann air son duaise. 40 Agus an am na crìche ni righ na h-airde deas a phurradh, is thig righ na h-airde tuath ’na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadaibh agus le marcachaibh, is le moran longaibh, is theid e steach do na dùchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, is siubhlaidh e thairis. 41 Theid e fòs a steach do ’n tìr ghlormhoir, is bidh moran dhùchannan air an tilgeadh bun os cionn; ach theid iad so as o laimh, Edom, agus Moab, agus rogha cloinne Amoin. 42 Sìnidh e fòs a mach a lamh air na dùchannan, is cha d’ theid tìr na h-Eiphit as. 43 Ach bidh cumhachd aige oscionn nan ionnusan òir agus airgid, agus os cionn uile nithe riomhach na h-Eiphit: agus bidh na Libianaich is na h-Etiopich air a luirg. 44 Ach ni sgeuladh o ’n aird’ an ear, agus o’n airde tuath a bhuaireadh: air an aobhar sin theid e mach le corruich mhoir gu sgrios, is gu moran a mhilleadh gu tur. 45 Agus suidhichidh e pailliunan a luchairte eadar na cuantan, anns an t-sliabh ghlormhor naomha; gidheadh thig e gu chrìch, is cha chuidich neach air bith leis. CAIB. XII. AGUS anns am sin seasaidh Michael a suas, am prionnsadh mor a ta seasamh air son cloinne do shluaigh-sa, agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fein: agus anns an am sin saorar do shluagh-sa gach aon a gheibhear sgriobhta san leabhar. 2 Agus dùisgidh moran dhiubh-san a ta ’nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shiorruith, agus cuid gu nàire ’s masladh bith-bhuan. 3 Agus dealraidh iadsan a ta glic mar shoilleireachd nan speur, is iadsan a thionndas moran gu [TD 297] HOSEA. CAIB. I. fireantachd mar na reultan fad faoghail nan saoghal. 4 Ach thusa, O Dhanieil, druid a suas na briathran, is seulaich an leabhar, gu am na crìche: ruithidh moran a sios agus a suas, is bidh eolas air a mheudachadh. 5 An sin dh’ amhairc mise Daniel, is feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh so do bhruaich na h-aibhne, ’s aon air an taobh eile do bhruaich na h-aibhne. 6 Agus thuirt aon ris an duine bha sgeadaichte le lion-eudach, a bha air uisgeachan na h-aibhne, Cia fhad a bhitheas gu crìch nan iongantas so? 7 Agus chuala mi an duine bha sgeadaichte le lion-eudach, a bha air uisgeachaibh na h-aibhne, ’nuair a thog e suas a lamh dheas, agus a lamh chlì gu neamh, agus a mhionnaich e airsan a ta beo gu siorruith, gu bi e gu aimsir, agus aimsirean, is leth aimsire: agus ’nuair a chriochnaicheas e spapadh feachd an t-sluaigh naomha, criochnaichear na nithe so uile. 8 Agus chuala mi, ach cha do thuig mi: an sin thubhairt mi, O mo Thighearna, ciod a’ chrioch a bhios aig na nithe so? 9 Agus thubhairt e, Imich romhad, a Dhanieil: oir tha na briathran air an druideadh a suas agus air an seulachadh gu am na crìche. 10 Bidh moran air an glanadh, is air an deanamh geal, is air an dearbhadh: ach ni na h-aingidh gu h-olc; agus cha tuig aon neach do na h-aingidh, ach tuigidh na daoine glice. 11 Agus o’n am an toirear air falbh an iobairt lathail, agus an cuirear a suas a’ ghràinealachd a ni leir-sgrios, bidh mìle dà cheud ceathair fichead is deich làithean. 12 Is beannuicht esan a dh’ fheitheas, agus a thig gus am mìle tri cheud is cuig deug thar fhichead latha. 13 Ach imich thusa romhad gus an d’ thig a’ chrioch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean. HOSEA. CAIB. I. FOCAL Iehobhah a thainig gu Hosea, mac Bheeri, ann an làithibh Usiah, Iotaim, Ahais, Heseciah, righrean Iudah; agus ann an làithibh Ieroboaim, mhic Iohais, righ Israeil. 2 Toiseach focail Iehobhah le Hosea. Agus thuirt an Tighearna ri Hosea, Imich, gabh chugad bean striopachais, agus clann striopachais: oir rinn am fearann striopachas mor [ann an dealachadh] ri Iehobhah. 3 Agus dh’ imich e agus ghabh e Gomer nighean Dhiblaim; agus dh’ fhàs i torrach, agus rug i mac dha. [TD 298] HOSEA. CAIB. II. 4 Agus thuirt Iehobhah ris, goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamull beag, agus diolaidh mise fuil Iesreel air tigh Iehu, agus cuiridh mi cosgadh air rioghachd tighe Israeil. 5 Agus tarlaidh iar an là sin, gu brist mise bogha Israeil ann an gleann Iesreeil. 6 Agus dh’ fhàs i torrach a rìs, agus rug i nighean; agus thuirt [Dia] ris, Goir Lo-ruhamah, [Cha d’fhuaras trocair,] mar ainm oirre; oir cha dean mise tròcair ni ’s mò air tigh Israeil, ach bheir mi gu tur air falbh iad. 7 Ach air tigh Iudah ni mi trocair, agus tearnaidh mi iad le Iehobhah an Dia, ’s cha’n ann le bogha no le claidheamh a thearnas mi iad, no le cath, no le h-eachaibh, no le marcaich. 8 Agus chuir i o’n chìch Lo-ruhamah, [Cha d’ fhuaras tròcair;] agus dh’ fhàs i torrach, agus rug i mac. 9 An sin thuirt [Dia,] Goir Lo-ammi, [Sluagh nach leamsa,] mar ainm air: oir cha sibhse mo shluagh-sa, is cha bhi mise ann am Dhia dhuibhse. 10 Gidheadh bidh àireamh cloinne Israeil mar ghaineamh na fairge, nach feudar a thomhas no àireamh; agus tarlaidh, anns an àite san dubhradh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gu’n abrar riu, Is sibh mic an De bheo. 11 Agus bidh clann Iudah agus clann Israeil air an cruinneachadh le cheile, agus gabhaidh iad dhoibh fein aona cheann, is thig iad a nios as an tìr: oir mor bidh là Iesreeil. CAIB. II. ABRAIBHSE ri ’r braithribh, Ammi, [Mo shluagh-sa;] agus ri ’r peathraichibh, Ruhamah, [Fhuaras trocair.] 2 Tagraibh ri ’r mathair, tagraibh: oir cha’n i mo bhean-sa i, ni mò is mis’a fear-sa: cuireadh i air falbh uime sin a striopachas as a sealladh, agus a h-adhaltrais o h-uchd: 3 Air eagal gu rùisg mis’ i lomnochd, is gu cuir mi i mar anns an là san d’rugadh i, ’s gu dean mi i mar fhàsaich, agus gu fàg mi i mar fhearann tioram, is gu marbh mi i le tart: 4 Agus nach gabh mi truas d’a cloinn, oir is clann striopachais iad. 5 Oir rinn am mathair striopachas: rinn ise a ghabh ’na broinn iad gu nàrach: oir thubhairt i, Theid mi an deigh mo luchd-gaoil, a ta toirt dhomh m’arain agus m’uisge, m’olainn agus mo lìn, m’ola agus mo dhibhe. 6 Uime sin feuch, druididh mise suas a slighe le droighionn, agus dùinidh mi a callaid, air chor as nach amais i air a ceuma. 7 Agus leanaidh i ’n deigh a luchd-gaoil, ach cha bheir i orra; agus iarruidh i iad, ach cha ’n amais i orra: an sin their i; Siubhlaidh mi agus pillidh mi gu m’ cheud fhear, oir b’ fhearr a bha e leam an sin na’n tra-sa. 8 Agus cha robh fios aice gu d’thug mise dhi arbhar, agus fion, agus ola, agus an t-airgiod a rinn mi pailt dhi, agus an t-òr a thug iad mar thabhartas do Bhaal. 9 Uime sin pillidh mise, agus bheir mi m’ arbhar leam ’na am, agus m’ fhion ’na am, agus bheir mi leam m’ olann is mo lion, mun [TD 299] HOSEA. CAIB. III. comhdaich iad a lomnochduiche. 10 Agus a nis leigidh mi ris a neo-ghloine, ann an sealladh a luchd gaoil, is cha saor duine sam bith as mo laimh i. 11 Bheir mi fòs air a solas uile sgur; a ré nuadh, agus as àbaid, agus a h-ard fheisdean uile. 12 Agus millidh mi a fineamhuinn is a crann-fìge, mu’n dubhairt i, Is iad so mo dhuais a fhuair mi o m’ luchd-gaoil: agus ni mi frìdh dhiubh, agus ithidh beathaichean na machrach iad. 13 Agus agraidh mi oirre làithean Bhaalim, anns an do loisg i tùis doibh, is anns an do sgeaduich i i fein le a cluas-fhainnibh is le a seudaibh, is anns an deachaidh i ’n deigh a leannan, is anns an do dhi-chuimhnich i mise; arsa Iehobhah. 14 Gidheadh feuch, bheir mise oirre mo leantuinn, agus bheir mi i do ’n fhàsaich, agus labhraidh mi rithe le co-fhurtachd. 15 Agus as sin bheir mi dhi a fion-liosan, agus gleann Achoir mar dhorus dòchais, agus seinnidh i ’n sin, mar ann an làithibh a h-òige, ’s mar anns an là san d’thainig i nios a mach a tìr na h-Eiphit. 16 Agus tarlaidh air an là sin, arsa Iehobhah, gu goir thu riumsa, M’fhear, agus nach goir thu rium ni ’s mò, Mo Bhaal. 17 Oir bheir mi ainmean Bhaalim a mach as a beul, is cha ’n ainmichear ni ’s mò iad air an ainm. 18 Agus anns an là sin ni mise co-cheangal air an son ri beathaichibh na machrach, is ri eunlaith neimhe, ’s ri nithibh snàgach na talmhainn: agus am bogha, agus an claidheamh, agus an cath bristidh mi a mach as an fhearann, is bheir mi orra gu luidh iad sios an tearuinteachd. 19 Agus pòsaidh mi thu rium fein gu bràth; seadh, pòsaidh mi rium fein thu ann am fireantachd, is ann an ceartas, is ann an caoimhneas, is ann an caomh-ghradh; 20 Seadh, ni mi ceangal-pòsaidh riut ann am firinn; agus gabhaidh tu eolas air Iehobhah. 21 Agus tarlaidh air an là sin, cluinnidh mise, deir Iehobhah, cluinnidh mise na neamha; agus cluinnidh iadsan an talamh; 22 Agus cluinnidh an talamh an t-arbhar, agus am fion, agus an ola; agus cluinnidh iadsan Iesreel. 23 Agus suidhichidh mi dhomh fein i anns an fhearann, agus ni mi trocair oirre-se nach d’fhuair trocair; agus their mi riu-san nach robh ’nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia. CAIB. III. OS barr thubhairt Iehobhah rium, Imich a rìs, gràdhaich bean, (ionmhuinn le a caraid, ge d’ tha i ’na ban-adhaltranaich,) do reir gràidh Iehobhah do chloinn Israeil, ge d’ tha iadsan ag amharc ri déibh eile, agus a’ gradhachadh chopana fiona. 2 Mar sin cheannuich mi dhomh fein i air chuig [buinn] deug airgid, agus homer eorna, agus leth homeir eorna. 3 Agus thuirt mi rithe, Fanaidh tu leamsa mòran làithean; cha dean thu striopachas, ni mò bhios tu aig fear [eile,] mar sin [TD 300] HOSEA. CAIB. IV. bidh mise mar an ceudna agadsa. 4 Oir fanaidh clann Israeil moran làithean gun righ agus gun phrionnsadh, agus gun iobairt, agus gun iomhaigh, agus gun ephod, agus gun teraphim. 5 ’Na dheigh sin pillidh clann Israeil, agus iarruidh iad Iehobhah an Dia, agus Daibhidh an righ; agus bidh eagal Iehobhah agus a mhaitheis orra, anns na làithibh deireannach. CAIB. IV. EISDIBHSE focal Iehobhah, O mhaca Israeil: oir tha coi-stri aig Iehobhah ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach ’eil firinn, no trocair, no eolas De anns an fhearann. 2 Le mionnaibh agus breugaibh, agus marbhadh, agus goid, agus deanamh adhaltruis, bhrist iad a mach; agus tha fuil a’ruigheachd gu fuil. 3 Uime sin ni am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a ta chomhnuidh ann, maille ri beathaichibh na machrach is ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear iasga na fairge fòs air falbh. 4 Gidheadh cha ’n eile duine sam bith a’tagradh, is cha’n ’eil duine sam bith a’ cronuchadh: agus mar oilbheum an t-sagairt, [is amhuil oilbheum] mo shluaigh. 5 Uime sin tuitidh tu san là, agus tuitidh am fàidh fòs leat anns an oidhche; agus sgriosaidh mise do mhathair. 6 Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eolais. A chionn gu do chuir thu cùl ri eolas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor as nach bi thu agam a’ d’ shagart: a chionn gu do dhearmaid thu lagh do Dhia, dearmaididh mise fòs do chlann-sa. 7 Amhluidh mar chaidh iad am meud, mar sin chiontaich iad am aghaidh-sa: caochlaidh mise an glòir gu nàire. 8 Tha iad ag itheadh a suas iobairt-pheacaidh mo shluaigh-sa, agus a’ socruchadh an cridhe air an ea-ceairt. 9 Agus amhuil a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart: agus smachdaichidh mise iad air son an sligheanna, agus diolaidh mi riu an deanadas. 10 Agus ithidh iad, ach cha bhi iad sàsuichte; ni iad striopachas, agus cha ’n fhàs iad lionmhor: oir leig iad dhiubh bhi toirt aire do Iehobhah. 11 Bheir striopachas, agus fion, agus fion nuadh air falbh an cridhe. 12 Tha mo shluagh-sa ag iarruidh comhairle air an crannaibh, agus tha an lorg a’ foillseachadh dhoibh: oir thug spiorad an striopachais orra dol air seacharan, is chaidh iad le striopachas air falbh o’n Dia. 13 Air mhullaichibh nan sliabh tha iad ag iobradh, agus air na sleibhtibh tha iad a’losgadh tùise; fo chrannaibh daraich, agus crithich, agus cuilinn, a chionn gu bheil an sgàile taitneach: air an aobhar sin tha ’ur nigheana ri striopachas, agus ’ur mnathan ri adhaltrus. 14 Nach smachduich mise bhur nigheanan a chionn gu bheil iad ri striopachas? agus ’ur mnathan, a chionn gu bheil iad ri adhaltrus? a chionn gu bheil iad ’gan cur fein air leth le striopaichibh, agus ag iobradh le [TD 301] HOSEA. CAIB. V. luchd neo-ghloine: uime sin an sluagh aig nach ’eil tuigse, tuitidh. 15 Ge d’ dhean thusa striopachas, O Israeil, gidheadh na cionntaicheadh Iudah; agus na tigibhse gu Gilgal, ni mò theid sibh a suas gu Bet-abhen; ni mò mhionnaicheas sibh, Mar is beo Iehobhah. 16 Oir tha Israeil a’ claonadh air ais, mar agh cùl-sleamhnach: a nis biadhaibh Iehobhah iad mar uan ann an àite fairsing. 17 Tha Ephraim air a dhlù-cheangal ri iodholaibh, leig leis: 18 Tha an deoch searbh: rinn a h-uachdarain striopachas gun chlos; ghradhaich iad ni nàrach: 19 Cheangail a’ghaoth suas i ’na sgiathaibh; is bidh nàir’ orra do thaobh an iobairtean. CAIB. V. CLUINNIBHSE so, a shagartan; is thugaibhse aire, O thigh Israeil; is thugaibhse fanear, O thigh an righ; oir tha breitheanas dlù dhuibh; a chionn gu robh sibh mar rib air Mispah, is mar lion sgaoilte air Tabor. 2 Agus rinn na ceannaircich domhain àr [nan iobairtean;] uime sin bheir mise smachdachadh air an iomlan diubh. 3 Is aithne dhomhsa Ephraim, is Israeil cha ’n am folach orm: oir a nis rinn Ephraim striopachas, tha Israel air a thruailleadh. 4 Cha dealbh iad an deanadas gu pilleadh a chum an De: oir tha spiorad striopachais ’nam meadhon, is air Iehobhah cha do ghabh iad eolas. 5 Air an aobhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel agus Ephraim tuislichidh ’nan aingeachd: tuislichidh fòs Iudah maille riu. 6 Le ’n treudaibh, agus le ’m buaraibh, theid iad a dh’iarruidh Iehobhah: ach cha’n fhaigh iad e, tharruing e e fein uatha. 7 Bhuin iad gu fealltach an aghaidh Iehobhah oir ghin iad clann choimheach: a nis sluigidh an locust an cuibhrionn. 8 Seidibhse an trompaid ann an Gibeah, am buabhull ann an Ramah: eighibh caisimeachd chatha ann am Bet-abhen: [an namhaid] air do thòir, O Bheniamin. 9 Bidh Ephraim ’na fhasaich ann an là an achasain: am measg threabhan Israeil rinn mise aithnichte an ni sin a thig gu crìch gu deimhin. 10 Bha prionnsachan Iudah cosmhuil riu-san a dh’ atharruicheas an comhara-fearainn: dòirtidh mise mo chorruich a mach orra mar uisge. 11 Tha Ephraim sàruichte, briste ann am breitheanas; a chionn gu do ghluais e gu toileach an deigh diomhanais. 12 Uime sin bidh mise mar leomann do Ephraim: agus mar chrionach do thigh Iudah. 13 Tra chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iudah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a chum an Asirianaich, is chuir e fios gu righ Iareb: gidheadh chu b’ urradh e ’ur leigheas, ni mò dhealuich a’chreuchd ruibh. 14 Gu deimhin bidh mise mar leomhann do Ephraim, is mar leomhann òg do thigh Iudah: reubaidh mise, eadhon mise fein, is imichidh mi romham; bheir [TD 302] HOSEA. CAIB. VI. VII. mi leam, is cha bhi aon neach ann a thearnas: 15 Imichidh mi, agus pillidh mi gu m’ àite, gus an aidich iad an cionnta, ’s an iarr iad m’ aghaidh: iarruidh iad mi gu moch ’nan amhghar. CAIB. VI. THIGIBH is pilleamaid ris an Tighearna: oir is esan a reub, agus is e ni ar leigheas; is e bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn. 2 An ceann dà latha ni e ar n-ath-bheothachadh, air an treas là dùisgidh e suas sinn, is bidh sinn beo ’na shealladh. 3 Agus bidh eolas againn, theid sin air ar n-aghaidh a ghabhail eolais, air Iehobhah: tha a dhol a mach air ulmhachadh mar a’mhadainn; is thig e chugainn mar an t-uisge; mar an t-uisge deireannach a dh’ uisgeachadh na talmhainn. 4 Ciod a ni mi riut, O Ephraim? Ciod a ni mi riut-sa, O Iudah? oir tha ’ur maitheas mar neul maidne, ’s mar an drùchd moch a shiubhlas air falbh. 5 Uime sin sgath mi sios iad leis na fàidhean: mharbh mi iad le briathraibh mo bheoil; is bha mo bhreitheanais mar an solus ’na dhol a mach. 6 Oir dh’ iarr mise trocair, is ni h-eadh iobairt; agus eolas De, ni ’s mò na iobairtean loisgte: 7 Ach bhrist iadsan an co-cheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh-sa. 8 Is caithir luchd-deanaimh ea-corach Gilead; air a truailleadh le ceumaibh fala. 9 Agus, amhuil a dh’fheitheas buidheann air son duine, tha cuideachd nan sagart a’marbhadh anns an t-slighe gu Sechem; oir rinn iad gu dàna aingeachd. 10 Ann an tigh Israeil chunnaic mi ni ro-ghràineil: an sin tha Ephraim ri striopachas, tha Israel air a thruailleadh. 11 Air do shon-sa mar an ceudna, O Iudah, tha fogharadh air a shonrachadh, leosan a bheir air falbh bruid mo shluaigh-sa. CAIB. VII. AN uair a b’ aill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingeachd Ephraim, agus ea-ceairt Shamaria: oir tha iad a’cur an gniomh ceilge: seadh tha an gaduiche a’ dol a steach; tha a’ cheathairne ri creach a muigh. 2 Agus cha ’n ’eil iad a’ toirt fanear na’n cridhe gur cuimhne leams’ an uile aingeachd: a nis chuartaich an gniomhara fein iad air gach taobh; tha iad fa chomhair m’aghaidh-sa. 3 Le ’n aingeachd tha iad a’deanamh an righ ait; agus nan uachdaran le ’m breugaibh. 4 Is adhaltranaich iad uile; mar àmhuinn air a teasachadh leis an fhuineadair, an tra sguireas fear-oibreachaidh na-taoise d’a fuineadh, gus an cuirear innte deasgainean. 5 Air là [féill] ar righ, tra bha na prionnsachan air teasachadh le fion, shìn esan a mach a lamh le luchd-fanoid. 6 Oir dh’ ulmhaich iad an cridhe mar àmhuinn, am feadh a ta iad ri feall-fhalach: fad na h-oidhche tha Ephraim a’cadal; anns a’mhadainn tha e losgadh mar theine lasrach. [TD 303] HOSEA. CAIB. VIII. 7 Theasaich iad uile iad fein mar àmhuinn, is shluig iad am breitheachan; tha an righrean uile air tuiteam, cha ’n ’eil aon ’nam measg a ta gairm orm-sa. 8 Ephraim, mheasg esan e fein leis na cinnich; is aran nach deachaidh a thionndadh Ephraim. 9 Shluig coigrich a suas a neart, is cha ’n ’eil fios aig air: seadh, tha fuilteanan liath air, an sud agus an so, gidheadh cha’n ’eil fios aig air. 10 Agus ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl: gidheadh cha ’n ’eil iad a’ pilleadh ri Iehobhah an Dia, no ’ga iarruidh air son so uile. 11 Tha Ephraim fòs mar choluman amaideach, gun eolas: tha iad a’ glaodhach ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria. l2 An uair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lion tharta; mar eunlaith an adhair bheir mi nuas iad: smachdaichidh mi iad an uair a dh’ eisdeas iad ri ’n co-thional. 13 Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa: leir-sgrios dhoibh, oir chionntaich iad am aghaidh-sa: ge do shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan ann am aghaidh. 14 Agus cha do ghlaodh iad rium-sa le ’n cridhe; ge do dhonnalaich iad air an leapaichibh air son arbhair agus fiona: tha iad a’cruinneachadh an ceann a cheile, tha iad ag eiridh suas am aghaidh-sa. 15 Seadh smachduich mi iad; neartuich mi [fòs] an gairdeanan, gidheadh tha iad a’ dealbh aimhleis ann am aghaidh. 16 Tha iad a’ tionndadh an deigh ni gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, air son nimh an teanga: so cùis am maslaidh ann an tìr na h-Eiphit. CAIB. VIII. AN trompaid ri d’ bheul! mar iolair an aghaidh tighe Iehobhah [thig e:] a chionn gu do bhrist iad mo cho-cheangal-sa, agus gu do chionntaich iad an aghaidh mo reachd. 2 Riumsa glaodhaidh iad, O Dhia Israeil, is aithne dhuinne thu. 3 Chuir Israeil uaith am fad an ni ta maith: ni namhaid a ruagadh. 4 Chuir iad fein a suas righrean, ach cha ’n ann uamsa: rinn iad uachdarain, is cha robh agamsa fios air: d’ an airgiod, agus d’ an òr rinn iad dhoibh fein iodholan, a chum gu gearrar as iad. 5 Cuir am fad uait do laogh, O Shamaria; tha mo chorruich-sa air lasadh ’nan aghaidh: cia fhad gus nach fuiling iad neo-chiont ann an Israeil? 6 Do thaobh-san, am fear-oibre dhealbh e; agus cha Dia ta ann: oir bristear ’na bhloighdibh laogh Shamaria. 7 Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a chuairt-ghaoth: cha ’n ’eil toradh air an déis: cha toir i uaipe min; no ma bheir, sluigidh coigrich asuas i. 8 Tha Israeil air a shlugadh a suas: a nis tha iad am measg nan cinneach, mar shoitheach anns nach ’eil tlachd air bith. 9 Oir chaidh iad a suas gu Asiria: is asal fhiadhaich san [TD 304] HOSEA. CAIB. IX. aonach Ephraim; dh’ fhastaidh iad leannain. 10 Seadh, ge do dh’ fhastaidh iad am measg nan cinneach, a nis tionailidh mise iad le cheile, agus bidh iad gu gairid air an cràdh le uallach an righ agus uachdaran. 11 A chionn gu d’ rinn Ephraim moran altairean gu peacachadh, altairean gu peacachadh tha aige. 12 Sgriobh mise chuige moran nithe do thaobh mo reachd; mheasadh iad mar ni nach buineadh dhoibh. 13 Tha iad ag iobraidh thabhartasa dh’ orduicheadh dhomhsa, agus ag itheadh feola: [uime sin] cha ghabh Iehobhah riu: a nis cuimhnichidh e an aingeachd, agus smachdaichidh e an lochdan: pillidh iad air an ais do ’n Eiphit. 14 Oir dhi-chuimhnich Israel a chruith-fhear, agus thog e teampuill: agus chuir Iudah ann an lionmhoireachd caithrichean daingean: ach cuiridh mise teine air a chaithrichean, agus 1oisgidh e a lùchairtean. CAIB. IX. NA dean aoibhneas, O Israeil, na dean gairdeachas mar na cinnich: oir chaidh thu air striopachas o d’ Dhia; ghràdhaich thu duais air gach uile urlar arbhair. 2 An t-urlar-arbhair is an dabhach-fhiona cha dean am beathachadh, is meallaidh am fion nuadh an dochas. 3 Cha ghabh iad comhnuidh ann am fearran Iehobhah ach pillidh Ephraim do ’n Eiphit; agus ann an Asiria ithidh iad nithe neo-ghlan. 4 Cha ’n iobair iad [tabhartais] fhiona do Iehobhah, ni mò bhios iad taitneach leis: bidh an iobairtean doibh mar aran luchd-bròin; bidh iadsan uile dh’ itheas deth air an salachadh; gu dearbh cha d’ thig an aran airson an anama gu tigh Iehobhah. 5 Ciod a ni sibh ann an latha na-h-ard-fheille, agus ann an latha féille Iehobhah? 6 Oir feuch, dh’ imich iad air falbh o lathair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na [h-ionada] taitneach [a cheannuich iad] le ’n airgiod, sealbhuichidh an ionntagach iad: ’nam pailliunaibh [fàsaidh] an droigheann. 7 Thainig làithean an smachdachaidh, thainig làithean na luigheachd; aithnichidh Israel gu b’ amadan am fàidh, gu robh fear an spioraid air boile; air son ro-mheud d’ aingeachd, is airson d’ fhuath mhoir. 8 Tha fear-faire Ephraim le m’ Dhia-sa: tha am fàidh [mar] lion an eunadair ’na uile shlighibh-san: rinn iad domhain am fuath an aghaidh tighe mo Dhe. 9 Thruaill iad iad fein, mar ann an làithibh Ghibeah: cuimhnichidh esan an aingeachd, smachduichidh e an lochdan. 10 Mar dhearca-fiona san fhàsaich, fhuair mise Israeil; mar am meas luath air a’ chrann fhìge ’na cheud am, chunnaic mi ’ur n-aithrichean. [Ach] chaidh iad gu Baal-peor, is dhealuich iad iad fein a chum an ni nàraich sin; agus dh’ fhàs iad gràineil mar [chuspair] an graidh. 11 Airson Ephraim, iteal- [TD 305] HOSEA. CAIB. X. uichidh an gloir air falbh mar eun; o ’n bhreith, agus o ’n bhroinn, agus o ’n ghineamhuinn. 12 Seadh, ge d’ àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad a meadhon dhaoine; oir gu cinnteach is an-aoibhinn doibh, an uair a dh’ imicheas mise uatha. 13 Tha Ephraim, mar a chunnaic mi Tirus, air a shuidheachadh ann an ionad taitneach: ach bheir Ephraim a mach a chlann airson an fhir-mhillidh. 14 Thoir dhoibh, O Iehobhah—Ciod a bheir thu? thoir dhoibh brù chaillteach, agus ciochan seasga. 15 Tha an cionnta gu leir ann an Gilgal [fa ’m chomhair:] oir an sin thug mise fuath dhoibh: airson aingeachd an deanadais iomainidh mi as mo thigh iad; cha toir mi ni’s faide gradh dhoibh, tha am maithean uile cùl-sleamhnach. 16 Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh a suas am freumh; cha ghiulain iad a’ bheag do thoradh: seadh, ge do bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise [toradh] gradhach am bronn. 17 Tilgidh mo Dhia-sa air falbh iad, a chionn nach d’ eisd iad ris: agus bithidh iad ’nam fògarraich am measg nan cinneach. CAIB. X. B’FHINEAMHUIN thorthach Israel: thug e mach toradh dha fein: do reir pailteis a thoraidh chuir e altairean an lionmhoireachd; do reir maitheis fhearainn rinn e dealbhan àluinn. 2 Tha an cridhe air a roinn; a nis gheibhear cionntach iad: bristidh esan asios an altairean: sgriosaidh e an dealbhan. 3 Oir a nis a deir iad, Cha’n ’eil righ air bith againn, a chionn nach robh eagal Iehobhah oirn; ciod uime sin a dheanadh righ dhuinn? 4 Labhairiad briathra [faoine,] ’nuair a mhionnaich iad; breugan an uair a rinn iad co-cheangal: mar so tha breitheanus a’ fàs a nios, mar an iteotha ann an claisibh na machrach. 5 Airson laoigh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir ni a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagairt acain air a shon; airson a ghloire, oir dhealuich i ris. 6 Os barr bheirear e fein gu Asiria, mar thabhartas do righ Iareb: ni masladh greim air Ephraim, is bidh nàire air Israel d’a chomhairle. 7 Airson Shamaria, ghearradh a righ a mach mar an cobhar air uachdar an uisge. 8 Sgriosar fòs ionadan arda Abhein, cionnta Israeil: thig an droighionn is am foghannan a nios air an altairean; agus their iad ris na sleibhtibh, Folaichibh sinn, is ris na beanntaibh, Tuitibh oirn. 9 Chionntaich thu ni ’s mò na ann an làithibh Ghibeah: an sin sheas Israel: nach d’rug an cath orra ann an Gibeah? 10 An aghaidh cloinne na h-aingeachd thainig mise agus smachdaich mi iad. Agus cruinnichear na sloigh’nan aghaidh-san tra smachduichear iad air son an da chionnta. [TD 306] HOSEA. CAIB. XI. 11 Agus bidh Ephraim ’na agh foghluimte, le ’m miann a bhi saltairt a mach an arbhair; agus bheir mise air a muineal siubhal fuidh an chuing. Saltraidh Ephraim a mach an toradh, treabhaidh Iudah, bristidh Iacob fhòidean. 2 Cuiribh dhuibh fein ann am fireantachd, buainibh ann an toradh na tròcair: bristibh asuas ’ur fearann neo-threabhta; oir is mithich Iehobhah iarruidh, gus an d’ thig e, ’s am fras e oirbh fireantachd. 13 Threabh sibh aingeachd, bhuain sibh ea-ceairt, dh’ ith sibh toradh bhreugan: a chionn gu d’ earb thu as do shlighe, a mor-chuideachd do dhaoine treuna. 14 Uime sin eiridh buaireas am measg do shluaigh, is bidh d’ uile dhaighnichean air am milleadh, amhuil a mhill Salmon Bet-arbel. Ann an là a’ chatha gearrar ’nam bloighdibh a’mhathair agus a’ chlann le cheile. 15 Is amhuil a nithear ruibhse, O thigh Israeil, airson ro-mheud ’ur n-aingeachd: ann am madainn gearrar as gu cinnteach righ Israeil. CAIB. XI. ’NUAIR a bha Israel ’na leanabh, an sin thug mise gradh dha; agus a mach as an Eiphit ghairm mi mo mhac. 2 ’Nuair a ghairm mise, an sin dh’ imich iadsan uam: dh’iobair iad do Bhaalim, is loisg iad tùis do dhealbhan snaighte. 3 Theagaisg mise fòs do Ephraim coiseachd, ’gan togail ann am ghairdeanaibh; ach cha robh fios aca gu do leighis mi iad. 4 Tharruing mi iad le cordaibh duine, le ceanglaichibh gràidh, agus bha mi dhoibh mar neach a thogas dhiubh a’ chuing air an gialaibh, is chuir mi sios biadh dhoibh. 5 Nach pill e gu tìr na h-Eiphit? agus nach bi an t-Asirianach ’na righ air? a chionn gu do dhiult iad pilleadh [riumsa.] 6 Agus tuitidh an claidheamh gu trom air a bhailtean, is caithidh e a gheugan; agus sluigidh e, air son an comhairlean. 7 Agus bidh mo shluagh-sa ann an im-cheist, air son an cùl-sleamhnachaidh uam; agus ge do ghlaodh iad ris le cheile do thaobh na cuinge, cha tog e dhiubh i. 8 Cionnus a bheir mi thairis thu, O Ephraim! a bheir mi seachad thu, O Israeil! cionnus a ni mi thu mar Admah! a chuireas mi thu mar Sheboim! tha mo chridhe ’n taobh a stigh dhiom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le cheile. 9 Cha chuir mi ’n gniomh mo dhian-chorruich, cha phill mi a mhilleadh Ephraim; oir is Dia mise, agus cha duine; an Ti naomh ann ad mheadhon, gidheadh nach ’eil a’ tathaich bhailtean. 10 Siubhlaidh iad an deigh Iehobhah: beucaidh e mar leomhann: an uair a bheucas e, an sin itealuichidh na mic o’n aird an iar. 11 Itealuichidh iad mar eun as an Eiphit, is mar choluman a tìr Asiria: agus suidhichidh mise ’nan tighibh iad, arsa Iehobhah. [TD 307] HOSEA. CAIB. XII. XIII. 12 Tha Ephraim ’ga m’chuartachadh le breugaibh, is tigh Israeil, agus Iudah, le ceilg: ach ’na dheigh so thig iad a nuas ’nan sluagh le Dia, eadhon sluagh dìleas naomha. CAIB. XII. THA Ephraim ag ionaltradh air gaoith, is ag imeachdan deigh na gaoithe’n ear: gach aon là tha e cur bhreug agus reubainn an lionmhoireachd; rinn iad fòs co-cheangal ri Asiria, agus tha ola ’ga giulan do ’n Eiphit. 2 Tha aimhreite fòs aig Iehobhah ri Iudah, agus ni e peanas air Iacob do reir a shligheanna; do reir a dheanadais bheir e dha luigheachd. 3 Anns a’ bhroinn ghlac e a bhrathair air shàil; agus le a neart bha cumhachd aige maille ri Dia. 4 Seadh, bha cumhachd aige maille ris an aingeal; agus thug e buaidh: ghuil e, ’s rinn e guidhe ris: fhuair e ann am Betel e, agus an sin labhair e ris. 5 Agus is e Iehobhah Dia nan sluagh, is e Iehobhah a chuimhneachan. 6 Uime sin pill thusa ri d’ Dhia: coimhid trocair agus breitheanas, agus feith air do Dia do ghnà. 7 Is fear-malairt e; ’na laimh tha meigh ’na mealltoireachd; is toigh leis a bhi ri ain-neart. 8 Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhin tha mi air fàs saibhir, fhuair mi dhomh fein stòras: ann am shaothairibh uile cha’n fhaigh iad ea-ceairt air bith annam; bhiodh sin ’na chionnta. 9 Agus mise Iehobhah do Dhia, a thug a nios thu o thìr na h-Eiphit, bheir mi ort fòs comhnuidh ghabhail ann am pailliunaibh, mar ann an làithibh na h-ard-fhéille. 10 Labhair mi fòs leis na fàidhean, is rinn mi lionmhor seallana; agus le frithealadh nam fàidhean ghnàthuich mi cosalachdan. 11 Gu dearbh ann an Gilead tha ea-ceairt; gu cinnteach is diomhanas iad; tha iad ag iobradh tharbh ann an Gilead; seadh, tha an altairean mar charnaibh ann an claisibh nam machrach. 12 Ach theich Iacob gu dùthaich Shiria; is rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghleidh e [caoirich.] 13 Agus le fàidh thug Iehobhah Israel a mach as an Eiphit; agus le fàidh thearnadh e. 14 Bhrosnuich Ephraim e chum feirge gu ro-shearbh; uime sin fàgaidh a Thighearna fhuil air fein; is pillidh e chuige fein a mhasladh. CAIB. XIII. AN uair a labhair Ephraim le crith, dh’ arduich e e fein ann an Israeil; ach an uair a chionntaich e ann am Baal, bhàsaich e. 2 Agus a nis tha iad a’ cionntachadh ni ’s mò agus ni ’s mò, agus rinn iad dhoibh fein dealbh leaghta d’ an airgiod; iodholan do reir an seoltachd fein; an t-iomlan deth obair nam fear-ceairde: deir iad d’ an taobh, Deanadh a’ mhuinntir a ta ’g iobradh na laoigh a phògadh. 3 Air an aobhar sin bidh iad [TD 308] HOSEA. CAIB. XIV. mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiubhlas air falbh: mar am moll air fhuadachadh le cuairt-ghaoith o’n urlar-bhualaidh; agus mar thoit a mach as an luidheir. 4 Gidheadh is mise Iehobhah do Dhia, a thug a nios thu o thìr na h-Eighit, is cha b’aithne dhuit Dia air bith ach mise; oir cha’n ’eil slànuigh-fhear ann ach mi. 5 B’ aithne dhomhsa thu san fhàsaich, ann am fearann an tarta mhoir. 6 ’Nan ionaltradh bha iad air an lionadh: bha iad air an lionadh, is dh’ardaicheadh an cridhe: air an aobhar sin dhi-chuimhnich iad mise. 7 Uime sin bidh mise dhoibh mar leomhann: mar liopard anns an t-slighe bheir mi fanear iad. 8 Coinnichidh mi iad mar mhath-ghamhuinn o’n do bhuineadh [a cuileanan;] agus reubaidh mi sgairt an cridhe; agus an sin sluigidh mi iad mar leomhann boirionn: ni fia-bheathach na machrach an reubadh. 9 O Israeil, rinn thu thu fein a sgrios, ach annam-sa tha do chobhair. 10 Bidh mise ann am righ dhuit: c’ àit am bheil aon neach eile thearnas tu ann ad chaithrichibh uile! agus do breitheachan, ris an dubhairt thu, Thoir dhomh righ agus prionnsachan. 11 Thug mise righ dhuit ann am fheirg, is bheir mi air falbh e ann am chorruich. 12 Tha aingeachd Ephraim air a carnadh a suas: tha a chionnta air a thasgaidh. 13 Thig ioghanna mnà ri saothair air: is mac nach ’eil glic e so; no cha ’n fhanadh e ’na thàmh mar leanabh nach eil beo. 14 Fuasglaidh mis’ iad o chumhachd na h-uaighe: saoruidh mi iad o ’n bhàs: O bhais, bidh mis’ am phlàigh dhuit; O uaigh, bidh mis’ am sgrios duit; bidh aithreachas air fholach o m’ shùilibh? 15 Ge do bha e torthach am measg a bnraithrean, thig gaoth an an ear, thig gaoth Iehobhah nios o ’n fhàsaich, is fàsaidh fhuaran tioram, agus tiormaichear a suas a thobar: bidh ionnas uile shoithichean taitneach air a chreachadh. 16 Bidh Samaria ’na fàsaich, oir rinn i ar a mach an aghaidh a a De: tuitidh iad leis a chlaidheamh; bristear an naoidheana ’nam bloighdibh; agus reubar a suas am mnathan torracha. CAIB. XIV. PILL, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu le d’ aingeachd. 2 Thugaibh leibh briathran, agus pillibh ri Iehobhah; abraibh ris, Thoir air falbh ar n-uile chionnta, ’s gabh ruinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilidh. 3 Asur cha dean ar tearnadh, air eachaibh cha dean sinn marcachd, ni mò their sinn tuille ri obair ar lamha fein, Is sibhse ar dée: oir annad-sa gheibh an dilleachdan trocair. 4 Leighisidh mise an cul-sleamhnachadh, gradhaichidh mi iad gu saor: oir phill mo chorruich air falbh uaith. 5 Bidh mi mar an drùchd do Israel: fàsaidh e mar an liligh, [TD 309] IOEL. CAIB. I. agus cuiridh e mach a fhreumha mar Lebanon. 6 Sgaoilidh a gheugan, agus bidh a mhaise mar ann crann-ola, agus fhàile mar Lebanon. 7 Pillidh iadsan ata chomhnuidh fo a sgàile; mar an t-arbhar bidh iad air an ath-bheothachadh; agus fàsaidh iad mar an fhineamhuin: bidh a bholadh mar fhion Lebanoin. 8 [Their] Ephraim, Ciod mo ghnothach-sa tuille ri iodholaibh? Chuala mise e; agus thug mi fanear e; is cosmhuil e ri crann uaine giumhais; uamsa tha do thoradh r ’a fhaotainn. 9 Cò ta glic, is tuigidh esan na nithe so? crionna, agus aithnichidh e iad? oir tha sligheanna Iehobhah ceart, agus gluaisidh na fireana annta: ach gheibh na cionntaich annta tuisleadh. IOEL. CAIB. I. FOCAL Iehobhah a thainig a chum Ioel, mhic Phetueil. 2 Cluinnibhse so, a shean-daoine; ’s thugaibhse fanear, uile luchd-àiteachaidh na tìre: an robh so ’nur làithibh-se; no ’n làithibh ’ur n-aithrichean? 3 Innsibhse do ’r cloinn e, ’s innseadh ’ur clann d’ an cloinn-san, agus an clann-san do ghinealach eile. 4 An ni sin a dh’ fhàg a’ phailm-chnuimh dh’ ith an locust; agus an ni a dh’ fhàg an locust dh’ ith a chnàmh-bheist; agus an ni sin a dh’ fhàg a chnàmh-bheist; dh’ ith an caterpileir. 5 Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus deanuibhse caoidh, uile phòitearan fiona, air son an fhion nuadha, oir tha e air a ghearradh air falbh o’r beul. 6 Oir tha cinneach air teachd a nios air m’ fhearann-sa, treun, agus os cionn àireimh; is fiaclan leomhainn am fiaclan; agus tha fiaclan-carbaid leomhain bhoirinn aca. 7 Dh’ fhàg iad m’ fhineamhuin-sa ’na fàsaich, is rùisg iad mo chrann-fìge: ruisg iad e gu buileach, agus thilg iad air falbh e, tha a gheugan air an deanamh geal. 8 Dean caoidh mar òighe criosluichte le eudach-saic airson céile a h-òige. 9 Tha an tabhartas-bìdh air a ghearradh air falbh, agus an tabhartas-dibhe, o thigh Iehobhah: deanaibhse bròn, O shagarta, oglacha Iehobhah. 10 Tha a’ mhachair ’na fasaich, tha an talamh ri caoidh; oir tha an t-arbhar air a chlaoidh; tha am fion nuadh air seargadh, dh’ fhàilnich an ola. 11 Gabhaibh nàire, O threabhaichean: deanuibhse caoid, O luchd-deasaichidh na fineamhuinne, air son a chruineichd is air son an eorna: a chionn gu do mheath foghara na machrach. [TD 310] IOEL. CAIB. II. 12 Tha an fhineamhuin air tiormachadh a suas, agus an crann fìge air seargadh, tha am pomgranat, an crann-pailme fòs, agus an crann-abhail, [eadhon] uile chraobha na machrach air seargadh: gu deimhin shearg aoibhneas air falbh o chloinn nan daoine. 13 Criosluichibh sibh fein [le eudach-saic,] agus tuiribh, O shagarta: deanuibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h-altarach: thigibh, luidhibh fad na h-oidhche ann an eudach-saic, òglacha mo Dhe: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe air a chumail air ais o thigh ’ur De. 14. Naomhaichibhse trasg, gairmibh latha toirmisg, cruinnichibh na seanoirean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu tigh an Tighearna ’ur Dia, agus glaodhaibh ri Iehobhah. 15 Och air son an la! oir tha là an Tighearna dlù, agus mar leir-sgrios o ’n Uile-chumhachdach thig e. 16 Nach ’eil ar lòn air a ghearradh as fa chomhair ar sùl? aoibhneas agus luaghair o thigh ar De? 17 Lobh an siol f’a fhòidibh; dh’ fhàgadh fàs na h-ionada-taisg; bhristeadh a sios na saibhlean: a chionn gu do shearg an t-arbhar. 18 Cionnus a tha na beathaichean ag osnaich? tha na buailtean spreidhe ann an airc, a chionn nach ’eil ionaltradh air bith aca; tha na treudan chaorach fòs air am milleadh. 19 Riutsa, O Iehobhah, glaodhaidh mise: oir chaith an teine cluaintean na fàsaich, is loisg an lasair uile craobha na machrach. 20 Tha beathaichean na machrach fòs a glaodhach riut-sa: oir thiormaicheadh asuas na h-aibhnichean uisge, ’s chaith teine cluaintean na fàsaich. CAIB. II. SEIDIBHSE an trompaid ann an Sion, is eighibh caiseamachd catha am am shliabh naomha-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre: oir tha là an Tighearna ag teachd, oir tha e dlù do laimh, 2 Là dorchadais agus ogluidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na sleibhtean, [thig] sluagh lionmhor agus làidir; an leithide cha robh ann o shean, is cha bhi ni ’s mò ’nan deigh, eadhon gu bliadhnacha mhoran ghinealach. 3 Rompa tha teine ri sgrios, agus ’nan deigh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein rompa, ’s nan deigh ’na fhàsaich uaigneich; tha, ’s cha bhi dol as aig aon ni uatha. 4 Bidh an coslas mar choslas each; agus mar mharcaichean is amhluidh a ruitheas iad. 5 Mar fharum charbad, air mhullach bheann leumaidh iad; mar thoirm lasrach theine a loisgeas an asbhuain: mar shluagh làidir air an cur an ordugh càtha. 6 Fa chomhair an gnùise bidh geur-ghoith air an t-sluagh: tionailidh na h-uile aghaidh dubhachas. [TD 311] IOEL. CAIB. II. 7 Ruithidh iad air an aghaidh mar dhaoine cumhachdach; streapaidh iad am balla mar luchd-cogaidh; agus siubhlaidh iad gach aon air a shlighe, agus cha bhrist iad an ordugh. 8 Ni mò theannaicheas aon air aon eile, coisichidh iad gach aon ’na cheum fein: agus ma thuiteas iad air a’ chlaidheamh, cha bhi iad air an leonadh. 9 Ruithidh iad air an ais is air an aghaidh anns a’ bhaile: ruith-iad air a’ bhalla: streapaidh iad a suas do na tighean: theid iad a steach air na h-uinneagan mar mheirleach. 10 Bidh ball-chrith air an talamh rompa, criothnuichidh na neamha; bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, ’s cumaidh na reultan air an ais an dealradh. 11 Agus cuiridh Iehobhah mach a ghuth fa chomhair fheachd: oir tha a champa ro-mhor; oir is treun esan a thoirt gu buil fhocail; oir tha là an Tighearna mor agus ro-uabhasach, is cò dh’ fheudas fhulang? 12 Uime sin a nis mar an ceudna, deir an Tighearna, pillibhse do m’ ionnsuidh-sa le ’r n-uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh. 13 Agus reubaibh ’ur cridhe ’s ni h-iad ’ur n-eudaichean; agus pillibh ris an Tighearna bhur Dia: oir tha e trocaireach agus iochdmhor, mall a chum feirge, ’s làn do chaomhalachd, is gabhaidh e aithreachas mu ’n olc. 14 Cò aig am bheil fios nach pill agus nach gabh e aithreachas, is nach fàg e beannachd ’na dheigh, tabhartas-bìdh agus tabhartas-dibhe do ’n Tighearna bhur Dia. 15 Séidibh an trompaid ann an Sion, naomhaichibh trasg, gairmibh latha toirmisg. 16 Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an co-thional: gairmibh na seanoirean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a ta deobhal nan cioch: rachadh am fear nua-pòsda mach as a sheomar, agus a’ bhean nua-phòsda mach as a seomar uaigneach. 17 Deanadh na sagairt, seirbhisich Iehobhah, gul eadar an sgà-thigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Iehobhah, do shluagh, is na toir d’ oighreachd thairis gu masladh; a chum gu riaghladh na cinnich os an cionn: com’ an abradh iad am measg nan cinneach, C’ àit am bheil an Dia? 18 An sin bidh Iehobhah eudmhor mu fhearann, is gabhaidh e truas d’ a shluagh. 19 Seadh, freagraidh Iehobhah, agus their e r’ a shluagh; Feuch, cuiridh mi d’ ur n-ionnsuidh arbhar agns fion, agus ola, agus bidh sibh air ’ur sàsuchadh leo: agus cha dean mi sibh ni ’s mò ’nur masladh am measg nan cinneach. 20 Ach atharraichidh mi am fad uaibh [feachd] na h-airde tuath, agus fògraidh mi e gu tìr fhalaimh fhàsail, a thoiseach gus an fhairge ’n ear, agus a dheireadh gus an fhairge ’n iar; agus thig a bhréine nios, agus eiridh a dhroch-bholadh, a chionn gu do mhaoidh e nithe mora. 21 Na biodh eagal ort, O [TD 312] IOEL. CAIB. III. fhearainn, bi luaghaireach agus ait: oir ni Iehobhah nithe mora. 22 Na biodh eagal oirbh a bheathaiche na machrach: oir tha cluaintean na fàsaich a’ bristeadh a nios, oir tha a’ chraobh a’ giulan a toraidh, tha an crann-fige ’s an fhineamhuin a’ toirt seachad an neairt. 23 Bithibh air ma ta, O chlann Shioin, is deanaibh gairdeachas anns an Tighearna bhur Dia, oir bheir e dhuibh an t-uisge a’s toisiche ann an ceart thomhas, agus bheir e air frasan teachd anuas chugaibh, an ceud uisge ’s an t uisge deireannach, amhuil roimhe so. 24 Agus bidh na h-urlair-bhualaidh làn do chruineachd, is cuiridh na dabhacha tharta le fion agus le h-ola. 25 Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an locust, achnàmh-bheist, an caterpileir, agus a’phailm-chnuimh, m’fheachd mor a chuir mi ’nur measg. 26 Agus ithidh sibh ann am pailteas, agus bithidh sibh sàthach, agus cliudhaichidh sibh ainm an Tighearna bhur Dia, a bhuin ruibh gu h-iongantach: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh-sa. 27 Agus aithnichidh sibh gu bheil mise ann am meadhon Israeil, is gur mi Iehobhah ’ur Dia, ’s nach aon air bith eile: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh. 28 Agus tarlaidh ’na dheigh sin gu dòirt mise mach mo spiorad air gach uile fheoil, is ni ’ur mic agus ’ur nigheanan fàisneachd, bruadairidh ’ur sean-daoine bruadair, is chi ’ur n-òganaich seallaidhean: 29 Agus fòs air na h-òglachaibh agus air na ban-oglachaibh anns na làithibh sin dòirtidh mi mach mo spiorad. 30 Agus nochdaidh mi iongantais anns na neamhaibh, agus air an talamh; fuil, agus teine, agus smùidrich dheathcha. 31 Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ghealach go fuil, mu’n d’ thig là mor agus uabhasach an Tighearna. 32 Agus tarlaidh, ge b’e air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tearnar e: oir ann an sliabh Shioin is ann an Ierusalem bidh tearnadh, mar a thubhairt Iehobhah; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas Iehobhah. CAIB. III. OIR feuch, anns na làithibh sin agus anns an am sin, tra bheir mise air a h-ais bruid Iudah, agus Ierusaleim, [tarlaidh] 2 Gu cruinnich mi na h-uile chinnich, is bheir mi sios iad gu gleann Iehosaphait, agus tagraidh mi riu an sin airson mo shluaigh, agus airson m’oighreachd Israeil, a sgap iad am measg nan cinneach; agus roinn iad mo dhùthaich. 3 Agus thilg iad croinn air son mo shluaigh, agus thug iad macan air son striopaiche, agus reic iad nìonag air son fiona, chum gun òladh iad. 4 Seadh, agus ciod ’ur gnothach-sa riumsa, O Thiruis agus a Shidoin, is uile chriocha Phaleistin? an diol sibh rium luigheachd? a nis ma bheir sibh dhomh luigheachd; gu luath, gu grad [TD 313] IOEL. CAIB. III. diolaidh mi ’ur luigheachd air ’ur ceann fein. 5 A chionn gu do ghabh sibh m’airgiod agus m’òr, is gu do ghiulain sibh gu ’r teampuill mo nithe luachmhor taitneach. 6 Clann Iudah fòs, agus clann Ierusaleim reic sibh ris na Greugaich, a chum gun atharraicheadh sibh iad am fad o’n crìch fein. 7 Feuch, togaidh mis’ iad as an àite gus an do reic sibh iad, agus pillidh mi ’ur luigheachd air ’ur ceann fein. 8 Agus reicidh mi ’ur mic agus ’ur nigheana gu laimh cloinne Iudah; agus reicidh iadsan iad ris na Sabeich, ri sluagh fad as; oir labhair Iehobhah e. 9 Eighibhse so am measg nan cinneach; deasaichibh cogadh, dùisgibh asuas na cumhachdaich, thigeadh na fir-chogaidh uile ’m fagus, thigeadh iad a nios. 10 Deanaibh claidhmhean do’r coltraibh, agus sleaghan do’r corranaibh-sgathaidh; abradh an lag, Tha mi làidir. 11 Cruinnichibh sibh fein, a chinneacha gu leir, agus cruinnichibh sibh fein o gach taobh mu’n cuairt: an sin bheir thusa air na cumhachdaich teachd a nuas, O Iehobhah. 12 Dùisgeadh na cinnich, is thigeadh iad a nios gu gleann Iehosaphait: oir an sin suidhidh mise gu breith a thoirt air na cinnich uile mu’n cuairt. 13 Sàthaibh an corran, oir tha ’m foghara abuich; thigibh, bruthaibh, oir tha an t-amar-fiona làn, tha na dabhacha a’ cur tharta: oir tha an aingeachd mòr. 14 Mòr-chuideachda, mòr-chuideachda, ann an gleann a’ghearraidh; oir tha là Iehobhah dlù ann an gleann a’ghearraidh. 15 Dorchaichear a’ ghrian agus a’ ghealach, is cumaidh na reultan air an ais an dealradh. 16 Agus beucaidh Iehobhah a mach a Sion, is o h-Ierusalem cuiridh e mach a ghuth, agus bidh crith air na neamha ’s air ’an talamh: ach bidh Iehobhah ’na ionad-dìdein d ’a shluagh; is ’na dhaighneach làidir do chloinn Israeil. 17 Mar sin aithnichidh sibh gur mise Iehobhah ’ur Dia, a ta chomhnuidh ann an Sion mo shliabh naomha: an sin bidh Ierusalem naomha, ’s cha d’ theid coigrich air bith d’a thrìd ni ’s mò. 18 Agus tarlaidh anns an là sin, gu sil na sleibhtean a nuas fion nuadh, agus sruthaidh na beannta le bainne, agus sruthaidh uile aibhnichean Iudah le h-uisgeachaibh; agus thig tobar a mach o theach Iehobhah, agus uisgichidh e gleann Shitim. 19 Bidh an Eiphit ’na nochd-làraich, is bidh Edom na fhàsaich uaigneich; air son an ain-neairt an aghaidh cloinne Iudah; a chionn gu do dhòirt iad fuil nan neo-chionntach ’nam fearann. 20 Ach gabhaidh Iudah comhnuidh gu siorruith, agus Ierusalem o linn gu linn. 21 Agus diolaidh mise am fuil-san, nach do dhiol mi; agus gabhaidh Iehobhah comhnuidh ann an Sion. [TD 314] AMOS. CAIB. I. BRIATHRAN Amois, a bha am measg bhuachaillean Thecoa, a fhuair e mu thimchioll Israeil, ann an làithibh Usiah rìgh Iudah, agus ann an làithibh Ieroboaim mhic Iohais, righ Israeil, dà bhliadhna roimh an chrith-thalmhainn. 2 Agus thubhairt e; Beucaidh Iehobhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e mach a ghuth; agus ni ionada-comhnuidh nam buachall bròn, agus seargaidh mullach Charmeil. 3 Mar so deir Iehobhah; Air son thrì dhò-bhearta Dhamascuis, agus airson cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas;] a chionn gu do bhuail iad Gilead le innealuibh-bualaidh iaruinn. 4 Ach cuiridh mise teine air tìgh Hasaeil, a loisgeas lùchairtean Bhen-hadaid. 5 Bristidh mi fòs crann-druididh Dhamascuis, is gearraidh mi am fear-àiteachaidh a mach o chomhnard Abhein, agus esan a ghlacas an t-slat-rioghail o thigh Edein: agus siubhlaidh sluagh Shiria ann am bruid gu Cir, deir Iehobhah. 6 Mar so deir Iehobhah; Airson thrì dhò-bhearta Ghasa, agus airson cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas:] a chionn gu d’thug iad a’bhruid uile air falbh am braighdeanas, a chum an toirt seachad do Edom. 7 Ach cuiridh mi teine air balla Ghasa, a sgriosas a lùchairtean. 8 Agus gearraidh mi am fear-àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an-t-slat-rioghail o Ascelon, agus tionndaidh mi mo lamh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuigheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehobhah. 9 Mar so deir Iehobhah; Air son thrì dhò-bhearta Thiruis, agus air son cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas:] a chionn gu d’ thug iad suas a bhruid uile do Edom, agus nach do chuimhnich iad an co-cheangal bràthaireil. 10 Ach cuiridh mise teine air balla Thiruis, a loisgeas àrois rioghail. 11 Mar so deir Iehobhah; Air son thrì dhò-bhearta Edoim, agus air son cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas:] a chionn gu do ruaig e a bhrathair leis a’ chlaidheamh, is gu do thilg e uaith na h-uile iochd, is gu do reub fhearg do ghnà, agus gu do ghleidh e a chorruich an comhnuidh. 12 Ach cuiridh mise teine air Teman, a loisgeas àrois Bhosrah. 13 Mar so deir Iehobhah; Airson thrì dhò-bhearta chloinne Amoin, agus airson cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas;] a chionn gu do reub iad [TD 315] AMOS. CAIB. II. a suas mnathan torracha Ghileaid, a chum an criocha fein a chur am farsaingeachd. 14 Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sios àrois, le iolach ann an là a’ chatha, le cuairt-ghaoith ann an là na doininne, 15 Agus imichidh an righ ann am braighdeanas, e fein agus a mhor-uaislean le cheile, arsa Iehobhah. CAIB. II. MAR so deir Iehobhah, Air son thrì dhò-bhearta Mhoaib, agus air son cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas:] a chionn gu do loisg e cnàmhan righ Edoim gu h-aol. 2 Ach cuiridh mi teine air Moab, is loisgidh e àrois Chirioit, agus bàsaichidh Moab le co-ghaoir, le iolach, le fuaim na trompaide. 3 Agus gearraidh mi mach am breitheamh as a mheadhon, agus marbhaidh mi uile phrionnsachan maille ris, arsa Iehobhah. 4 Mar so deir Iehobhah, Air son thrì dhò-bhearta Iudah, agus air son cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas:] a chionn gu d’rinn iad di-meas air reachd Iehobhah, agus nach do choimhid iad aitheantan; agus thug an diadhan bréige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an aithrichean air an déigh. 5 Ach cuiridh mise teine air Iudah, agus loisgidh e àrois Ierusaleim. 6 Mar so deir Iehobhah, Air son thrì dhò-bhearta Israeil, agus air son cheathair, cha phill mi air falbh a [pheanas:] a chionn gu do reic iad am fìrean air son airgid, agus am bochd air son bhròg. 7 Tha iad a’saltairt a sios cheann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciuine: agus tha duine agus athair a’dol a steach a chum na h-aona ghruagaiche, a thruailleadh m’ainm naomha-sa. 8 Agus tha iad ’gan sìneadh fein air eudaichibh a ghabhadh an geall, aig taobh gach altaire; agus tha iad ag òl fiona na muinntir a dhìteadh ann an tigh an dée. 9 Gidheadh sgrios mise an t-Amorach rompa, a bha ard mar airde nan seudar; agus làidir mar na daragaibh: gidheadh sgrios mis’ a thoradh os a chionn, agus a fhreumha fuidhe. 10 Fòs thug mi sibhse nios o thalamh na h-Eiphit, agus stiur mi sibh trìd na fàsaiche dà fhichead bliadhna; a chum gu sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach. 11 Agus thog mi suas [cuid] do’r macaibh air son fhàidhean, is do ’r n-òganachaibh air son Nasarach. Nach ann mar so a ta e, O chlann Israeil, arsa Iehobhah? 12 Ach thug sibh do na Nasaraich fion r’a òl, is dh’ àithn sibh do na fàidhean, ag radh, Na deanaibh fàisneachd. 13 Feuch [uime sin] bruthaidh mise bhur n-àite, mar a bhruthas carbad luchdaichte le arbhar a sguaban. 14 Agus treigidh a luathas an duine luath, is cha bhi ’n duine làidir treun ’na neart, ni mò ni’n duine cumhachdach e fein a shaoradh. [TD 316] AMOS. CAIB. III. 15 Cha seas esan fòs a laimhsicheas am bogha, ’s cha saor an luath-chasach e fein, ni mò thearnas an ti mharcaicheas an t-each e fein. 16 Agus esan a ta daighneachadh a chridhe am measg nan cumhachdach, teichidh air falbh ruisgte san là sin, arsa Iehobhah. CAIB. III. CLUINNIBH am focal so a labhair Iehobhah ’nur n-aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi nios o thìr na h-Eiphit, ag radh, 2 Is sibhse mhàin air an do ghabh mi eolas do uile theaghlaichibh na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh air son ’ur n-uile dhò-bhearta. 3 Am feud dithis coiseachd le cheile, mur bi iad réidh? 4 Am beuc an leomhann anns a’ choillidh, an uair nach ’eil cobhartach air bith aige? an éigh an leomhann òg as a gharaidh, mur do ghlac e aon ni? 5 Am feud eun tuiteam ann an lion air an talamh, far nach ’eil aon rib air a shon? an tog [aon neach] eangach a suas o’n talamh, agus gun ni air bith a ghlacadh? 6 An séidear an trompaid ann am baile, ’s gun eagal a bhi air an t-sluagh? am bi dòrainn ann am baile, ’s nach e Iehobhah chuir ann e? 7 Gu deimhin cha dean an Tighearna Iehobhah aon-ni gun a rùn-diomhair fhoillseachadh do sheirbheisich na fàidhean. 8 Bheuc an leomhann; cò air nach bi eagal? labhair an Tighearna Iehobhah, cò nach deanadh fàisneachd? 9 Cuiribh an ceill anns na lùchairtibh an Asdod, is anns na tallachaibh an tìr na h-Eiphit, agus abraibh, Cruinnichibh sibh fein air sleibhtibh Shamaria: agus feuchaibh an t-ioma-luasga mor a ta ’na meadhon, agus iadsan a ta air an sàruchadh innte. 10 Oir cha ’n aithne dhoibh a’ chòir a dheanamh, deir an Tighearna, tha iad a’ tasgaidh suas foirneairt agus creich ’nan lùchairtibh. 11 Air an aobhar sin mar so deir an Tighearna Iehobhah, Bidh eascaraid fos mu ’n cuairt air an fhearann; is bheir e nuas do neart uait, agus creachar do lùchairtean. 12 Mar so deir Iehobhah, Amhuil a spìonas am buachaill a mach a beul an leomhainn dà chois, no mìr do chluais; mar sin bheirear a mach clann Israeil, a ta chomhnuidh ann an Samaria, ann an cùil leapach; agus ann an Damascus, air uirigh. 13 Eisdibhse, [O shagarta,] agus togaibh fianuis do thigh Iacoib, deir an Tighearna Iehobhah, Dia nan sluagh, 14 Anns an là san agair mise lochdan Israeil air, gun agair mi fòs air altairean Bheteil; agus gearrar adharca na h-altrach dhith, agus tuitidh iad chum an làir. 15 Agus buailidh mi ’n tigh-geamhraidh maille ris an tigh-shamhraidh; agus sgriosar na tighean deud-chnamh, agus thig crioch air na tighean mòra, deir Iehobhah. [TD 317] AMOS. CAIB. IV. V. CAIB. IV. CLUINNIBHSE am focal so, O a spréidh Bhasain, a ta air sliabh Shamaria; a ta sàruchadh nam bochd, a ta bruthadh nam feumannach; a ta ’g radh ri ’m maighstiribh, Thugaibh d’ar n-ionnsuidh, agus òlamaid. 2 Mhionnaich an Tighearna Iehobhah air a naomhachd, feuch, gu d’ thig oirbh na làithean, anns an toir e sibh air falbh le dubhanaibh, agus ’ur sliochd le dubhanaibh-iasgaich. 3 Agus theid sibh a mach air na bealaich, gach bò air a’bhealach m’a coinneamh; agus tilgidh mise sibh am meadhon leir-sgrios, arsa Iehobhah. 4 Rachaibh gu Betel agus cionntaichibh; aig Gilgal deanaibh ’ur lochda lionmhor; agus thugaibh leibh ’ur n-iobairtean gach madainn, ’ur deachamh gach trì bliadhna. 5 Agus iobraibh iobairt-bhuidheachais le taois ghoirt, agus éighibh, cuiribh an ceill na saor-thabhartais; oir tha so taitneach leibh, O chlann Israeil, deir an Tighearna Iehobhah. 6 Agus thug mi fòs dhuibh glaine fhiacal ’nur n-uile bhailtibh, is gainne arain ann ’ur n-uile lùchairtibh: gidheadh cha do phill sibh riumsa, deir Iehobhah. 7 Agus chum mi uaibh mar an ceudna an t-uisge, ’nuair a bha fathasd trì miosa gu foghara; agus thug mi air frasadh air aona bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aona chuid thainig an t-uisge; agus a’ chuid eile, air nach d’thainig an t-uisge, shearg. 8 Agus shiubhail dà no tri do bhailtean gu aona bhaile a dh’òl uisge; ach cha robh iad air an sàsuchadh: gidheadh cha do phill sibh riumsa, arsa Iehobhah. 9 Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith-reodh; ’nuair a dh’ fhàs ’ur gàrraidhean agus ’ur fion-liosan, ’ur crainn-fhìge agus ’ur crainn-ola, dh’ ith a phailm-chnuimh iad: gidheadh cha do phill sibh riumsa, arsa Iehobhah. 10 Chuir mi ’nur measg a’phlàigh do reir nòis na h-Eiphit; mharbh mi ’ur n-òganaich leis a’ chlaidheamh, is thug mi air falbh ’ur n-eacha, ’s thug mi air droch-fhàile bhur campa teachd a nios gu’r pollairibh: gidheadh cha do phill sibh riumsa, arsa Iehobhah. 11 Sgrios mi [cuid] dibh, mar a sgrios Dia Sodom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spionadh as an losgadh: gidheadh cha do phill sibh riumsa, arsa Iehobhah. 12 Air an aobhar sin mar so ni mi riut, O Israeil: agus a chionn gu dean mi so riut, ulmhaich thu fein air son codhail a chumail ri d’ Dhia, O Israeil. 13 Oir feuch, esan a dhealbhas na sleibhtean, agus a chruthaicheas a’ghaoth, agus a dh’ fhoillsicheas do dhuine ciod is smaointe dha; esan a ni a’ mhadainn ’na dorchadas, agus a shaltras air ionadaibh arda na talmhainn, Iehobhah Dia nan sluagh, is e ainm. CAIB. V. EISDIBHSE am focal so a ta mise cur an ceill ’nur n-aghaidh, [eadhon] tuireadh, O a thigh Israeil. [TD 318] AMOS. CAIB. V. 2 Thuit, is cha ’n eirich ni ’s mò òigh Israeil: tha i sìnte mach air a fearann fein; cha ’n ’eil neach ann d’a togail asuas. 3 Oir mar so deir an tighearna Iehobhah; A’ chaithir a chaidh a mach ’na mìle, fàgaidh i ceud; agus i sin a chaidh amach ’na ceud, fàgaidh i deichnear aig tigh Israeil. 4 Uime sin mar so deir Iehobhah ri tigh Israeil; Iarruibhse mise, agus mairidh sibh beo. 5 Ach na h-iarruibh Betel, is na rachaibh a steach gu Gilgal, agus na siubhlaibh thairis gu Beer-seba: oir theid Gilgal gu deimhin am braighdeanas, agus thig Betel gu neo-ni. 6 Iarruibh Iehobhah agus mairidh sibh beo; air eagal gu brist e mar theine air tigh Ioseiph, agus gu loisg e tigh Israeil, is nach bi aon neach ann gu mhùchadh. 7 Sibhse ta tionnda’ breitheanais gu searbhadas agus a’ leigeadh dhibh fireantachd air an talamh. 8 Iarruibh esan a ni na seachd reultan agus Orion; agus a thionndas sgàile bhàis gu madainn, agus a ni an là dorcha mar an oidhche: a ghairmeas air uisgeacha na fairge, ’s a dhòirteas iad a mach air aghaidh na talmhainn; Iehobhah [Dia nan sluagh is e] ainm: 9 A neartuicheas an creachta ’n aghaidh an tréin; air chor as gu d’ thig an [duine] creachta ’n aghaidh an daighnich. 10 Is fuath leo esan a bheir achasan anns a’ gheata, agus is gràin leo esan a labhras gu h-ionraic. 11 Air an aobhar sin a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a gabhail uaith duaise do chruineachd; [ge do] thog sibh tighean do chlachaibh snaighte, gidheadh cha ’n àitich sibh iad, [ge do] shuidhich sibh fion-liosa taitneach, gidheadh cha ’n òl sibh fion diubh. 12 Oir is aithne dhomh-sa bhur lochdan lionmhor, agus ’ur peacanna mora; sibhse ta claoidh an fhirein, a ta gabhail cumha, ’s a’ cur a’ bhochd a leth-taobh anns a’ gheata. 13 Air an aobhar sin fanaidh an duine glic ’na thosd anns an am sin; oir is aimsir olc i. 14 Iarruibhse maith agus ni h-eadh olc, a chum gu mair sibh beo: agus mar sin bidh Iehobhah Dia nan sluagh leibh, mar a labhair sibh fein. 15 Fuathaichibh an t-olc, is gradhaichibh am maith, agus daighnichibh breitheanus anns a’ gheata; theagamh gu bi Iehobhah Dia nan sluagh gràsmhor do iarmad Ioseiph. 16 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, an Tighearna; Bidh caoidh anns na h-uile shràidibh, agus their iad anns na h-uile ròidibh-mora, Mo thruaighe, mo thruaighe! agus gairmidh iad an treabhaiche gu bròn, is iadsan a ta eolach air caoidh gu tuireadh. 17 Agus anns na h-uile fion-lios bidh cumha: oir gabhaidh mise roimh d’ mheadhon, arsa Iehobhah. 18 Is truagh dhuibhse ta ’g iarruidh là Iehobhah: ciod e sin duibhse là Iehobhah? dorchadas, is cha ’n e solus. 19 Ceart mar gu teicheadh duine o leomhann, is gu coinnich- [TD 319] AMOS. CAIB. VI. eadh math-ghamhuin e; no gu rachadh e steach d’ a thigh, is a lamh a leigeadh air a’ bhalladh, agus gu deanadh nathair a theumadh. 20 Nach bi là Iehohhah ’na dhorchadas, agus ni h-ann ’na sholus? eadhon ro-dhorcha ’s gun soilleireachd air bith ann? 21 Is fuath leam, is beag orm ’ur làithean feille ’s cha ghabh mi tlachd ann am boladh ’ur n-ard-fheillean. 22 Ge d’ iobair sibh dhomh iobairtean-loisgte, agus tabhartais-bhìdh, cha ghabh mi iad: ni mò bheir mi fanear tabhartais-shìth ’ur beathacha reamhra. 23 Beir uam fuaim d’ òran; agus ceol do chlàrsach cha ’n eisd mi. 24 Ach ruitheadh breitheanas a sios mar uisgeachaibh, agus fireantachd mar shruth làidir. 25 An do thairg sibh dhomhsa iobairtean agus tabhartais anns an fhàsaich rè dà fhichead bliadhna, O a thigh Israeil? 26 Ni h-eadh, ach ghiulain sibh pailliun ’ur Moloich, reul ’ur dé Chiuin, ’ur dealbhan, a rinn sibh dhuibh fein. 27 Uime sin bheir mis’ oirbh imeachd am bruid taobh thall Dhamascuis, deir Iehobhah, do ’n ainm Dia nan sluagh. CAIB. VI. IS deacair dhoibhsan a ta gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsadh a sliabh Shamaria; a ta ’gan ainmeachadh fein air tùs nan cinneach, gus am bheil imeachd tighe Israeil. 2 Siubhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; is rachaibh as sin gu Hemat mor: an sin rachaibh a sios gu Gat nam Philisteach: am fearr iadsan na na rioghachdan so? no ’m bheil an criocha ni ’s mò na ’ur crioch-sa? 3 [Is truagh] dhoibhsan a ta cur an droch latha fada uatha, ’s a’ toirt am fagus aite-suidhe an fhoirneairt: 4 A ta luidhe air leapuichibh deud-chnamh, is ’gan sìneadh fein air an uirighibh; ata ’g itheadh uan an treud, agus nan laogh a meadhon an tigh-bhiadhaidh: 5 A ta seinn do fhuaim na clàrsaiche; a ta, cosmhuil ri Daibhidh, a’ dealbh dhoibh fein inneala ciuil: 6 A ta ’g òl fiona ann an cuachaibh, agus ’gan ungadh fein le tagha gach olaidh: ach nach ’eil doilich airson amhghair Ioseiph. 7 Air an aobhar sin a nis theid iad am bruid leis a’ cheud chuid a dh’ fhalbhas ann am braighdeanas; agus bheirear air falbh cuirm na muinntir a rinn iad fein a shìneadh. 8 Mhionnaich an Tighearna Iehobhah air fein, deir Iehobhah Dia nan sluagh; Is gràin leam oirdheirceas Iacoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach ni ta ann. 9 Agus tarlaidh, ma dh’ fhanas deichnear fear ann an aon tigh, gu faigh iad bàs. 10 Agus togaidh caraid duine suas e, agus esan a loisgeas e, chum na cnàmhan a thoirt a mach as an tigh; agus their e risan a ta steach san tigh, [am bheil aon neach] fathasd leat? agus their esan, Cha ’n ’eil: an sin [TD 320] AMOS. CAIB. VII. their e, Bi a’d’ thosd. A chionn nach ’eil iad a’ toirt luaidh air ainm Iehobhah. 11 Oir feuch, àithnidh Iehobhah, agus buailidh e ’n tigh mor le bearnaibh, agus an tigh beag le scoltaibh. 12 An ruith eich air carraig? an treabhar i le daimh? oir thionndaidh sibh breitheanas gu domblas, agus toradh an ionracais gu iteodha. 13 Sibhse ta ri gairdeachas ann an ni a’s neo-ni; a ta ’g radh, Nach do ghabh sinn chugainn uachdranachd le ’r neart fein? 14 Agus feuch, dùisgidh mise suas cinneach ’nur n-aghaidh, O thigh Israeil, deir Iehobhah Dia nan sluagh; agus sàruichidh iad sibh o dhol asteach Hemait gu ruig abhainn na fàsaich. CAIB. VII. MAR so thaisbein an Tighearna Iehobhah dhomhsa, agus feuch, dhealbh e locuist ann an toiseach teachd a nios an fhàis mu dheire; agus feuch, b’ e sin am fàs deireannach, an deigh buain an righ. 2 Agus tharladh, tra chuir iad crioch air itheadh luibhean na tìre, gu dubhairt mise, O Thighearna Iehobhah, maith, guidheam ort: cò thogas a suas Iacob? oir tha e ro-bheag. 3 Ghabh Iehobhah aithreachas dheth so: Cha tachair so, arsa Iehobhah. 4 Mar so thaisbein an Tighearna Iehobhah dhomh-sa; agus feuch, ghairm an Tighearna Iehobhah gu breitheanas le teine, agus loisg e ’n doimhne mhor; agus shluig esuas earrann. 5 An sin thuirt mise, O Thighearna Iehobhah, sguir, guidheam ort: cò thogas a suas Iacob? oir tha e ro-bheag. 6 Ghabh Iehobhah aithreachas dheth so: Cha tachair so fòs, deir an Tighearna Iehobhah. 7 Mar so thaisbein e dhomh; agus feuch, sheas an Tighearna air balla [deanta] le sreing-riaghailt, agus sreang-riaghailt’na laimh. 8 Agus thuirt Iehobhah rium; Ciod a tha thu faicinn Amois? Agus thuirt mise, Sreang-riaghailt. An sin thuirt an Tighearna, Feuch, cuiridh mise sreang-riaghailt ann am meadhon mo shluaigh Israeil, cha ghabh mi ni ’s mò seachad orra tuille. 9 Agus cuirear ionadan arda Israeil fàs; agus nithear naomh-ionaid Israeil ’nan làraich sgaoilte; agus eiridh mise an aghaidh tighe Ieroboaim leis a’ chlaidheamh. 10 An sin chuir Amasiah sagart Bheteil fios gu Ieroboam righ Israeil, ag radh, Dhealbh Amos feall a’ d’ aghaidh ann am meadhon tighe Israeil: cha ’n urradh am fearann a bhriathran uile a ghiulan. 11 Oir mar so deir Amos; Gheibh Ieroboam bàs leis a’ chlaidheamh; is bheirear Israeil gu deimhin air falbh ann am bruid as an tìr fein. 12 Thuirt Amasiah mar an ceudna ri Amos; O fhiosaiche, falbh, teich thusa gu tìr Iudah, agus ith aran an sin, agus an sin dean fàisneachd. 13 Ach na dean fàisneachd ni ’s mò ann am Betel: oir is e sin naomh-ionad an Righ, agus is e sin teach na rioghachd. 14 An sin fhreagair Amos, agus thubhairt e ri Amasiah; [TD 321] AMOS. CAIB. VIII. Cha b’ fhàidh mise, ni mò bu mhac fàidhe mi; ach bu bhuachaille spréidhe mi, agus fear-tionail meas sicamoir. 15 Agus thug Iehobhah mi o bhi leantuinn an treud; agus thuirt Iehobhah rium, Falbh, dean fàisneachd do ’m phobull Israel. 16 A nis uime sin cluinn thusa focal Iehobhah: tha thu ’g radh, Na dean fàisneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhocal an agha dh tighe Isaaic. 17 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah, Bidh do bhean ’na striopaich anns a’bhaile, agus tuitidh do mhic agus do nigheana leis a’ chlaidheamh; agus bidh d’ fhearann air a roinn leis an t-sreing: agus gheibh thu bàs ann am fearann truailte, ’s theid Israeil gu deimhin air falbh ann am bruid, a mach as an dùthaich fein. CAIB. VIII. Mar so thaisbein an Tighearna Iehobhah dhomhsa; agus, feuch, cliabh do mheas samhraidh. 2 Agus thubhairt e, Ciod a tha thu faicinn, Amois? Agus thuirt mise, Cliabh do mheas samhraidh. An sin thuirt Iehobhah rium. Tha a’ chrioch air teachd air mo shluagh-sa Israel, cha ghabh mise seachad orra ni ’s mò. 3 Agus bidh òrain an teampuill ’nan ulartaich anns an là sin, deir an Tighearna Iehobhah: bidh moran do chorpaibh marbha anns gach ionad; tilgidh iad gu tosdach a mach iad. 4 Cluinnibh so, O sibhse ta slugadh a suas an ainnis, eadhon a thoirt air bochdan an fhearainn fàilneachadh, 5 Ag radh, C’ uin a theid a’ ghealach ùr seachad, a chum gu reiceamaid siol? agus an t-sàbaid, a chum gu tugamaid a mach cruineachd? A’ deanamh an Ephah beag, agus an t-seceil mor; agus a’ deanamh na meighe mearachdach le ceilg: 6 A’ ceannach nam bochd air son airgid, agus an fheumannaich air son bhròg; a’ reic fòs deireadh a chruineichd? 7 Mhionnuich Iehobhah air oirdheirceas Iacoib, Gu deimhin cha di-chuimhnich mi gu bràth an uile oibre. 8 Nach criothnuich am fearann air son so? agus nach dean gach duine ta chomhnuidh ann caoidh? agus nach eirich amhuil tuil thar an iomlan deth? nach tilgear a mach agus nach bàthar e, mar gu b’ann le abhainn na h-Eiphit. 9 Agus tarlaidh air an là sin, deir an Tighearna Iehobhah, gu toir mise air a’ ghrein dol fuidh air mheadhon-là, ’s ni mi an talamh dorcha san latha shoilleir. 10 Agus tionndaidh mi ’ur féisdean gu bròn, is ’ur n-òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h-uile leasraibh eudach-saic, agus air gach aona cheann maoile: agus ni mi e mar chumha air son aona-mhic, agus a chrioch mar latha searbh. 11 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna Iehobhah, san cuir mise gort anns an fhearann, cha ’n i gort arain, no tart uisge, ach eisdeachd fhocal Iehobhah. 12 Agus theid iad air seachran o fhairge gu fairge, agus o’n airde tuath eadhon gus an airde [TD 322] AMOS. CAIB. IX. ’n ear, ruithidh iad air an ais is air an aghaidh, a dh’ iarruidh focail Iehobhah; agus cha ’n fhaigh iad e. 13 Anns an là sin fannuichidh na h-òighean maiseach, agus na h-òganaich, le tart. 14 Iadsan a ta mionnachadh air peaca Shamaria, agus ag radh, Tha do Dhia-sa beo, O Dhain, agus tha cùis-aoraidh Bheer-seba beo; tuitidh eadhon iadsan, is cha ’n eirich iad a suas gu bràth tuille. CAIB. IX. CHUNNAIC mi ’n Tighearna ’na sheasamh air an altair, agus thubhairt e; Buail an t-ard-dhorus, air chor as gu criothnaich na h-ursannan: oir gearraidh mise fa’ cheann iad, an t-iomlan diubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an ti theicheas dhiubh cha d’ theid e as; agus an ti ghabhas an ruaig dhiubh, cha tearnar e. 2 Ge do chladhaich iad gu ruig an t-ionad iochdrach, as sin bheir mo lamh-sa nios iad; ge do streap a suas gu neamh, as sin bheir mise nuas iad: 3 Agus ge d’ fholuich iad iad fein ann am mullach Charmeil, rannsuichidh mise, ’s bheir mi mach as sin iad; agus ge do bhiodh iad air am folach o m’ fhradharc ann an iochdar na fairge, an sin bheir mi àithne do ’n nathair, agus ni i ’n teumadh: 4 Agus ge d’rach iad gu daorsa roimh’ an naimhdean, an sin bheir mise àithne do ’n chlaidheamh, agus marbhaidh e iad: agus cuiridh mi mo shùilean orra chum uilc, is ni h-ann a chum maith. 5 Oir is e ’n Tighearna Iehobhah Dia nan sluagh, a bheanas ris an fhearann, agus leaghaidh e; agus ni na h-uile ta chomhnuidh ann caoidh; agus eiridh e suas gu h-iomlan mar thuil, agus bàthar e, mar gu b’ann le abhainn na h-Eiphit. 6 Is esan a thogas ard-sheomraichean anns na neamhaibh, agus a shuidhicheas a thigh-taisg air an talamh; an ti ghairmeas air uisgeacha na fairge, ’s a dhòirteas iad a mach air aghaidh na talmhainn: is e Iehobhah ainm. 7 Nach ’eil sibh mar chloinn nan Etiopach dhomhsa, O chlann Israeil? deir Iehobhah. Nach d’ thug mise Israel a tìr na h-Eiphit: agus na Philistich a Caphtor, agus na Siriaich a Cir? 8 Feuch tha sùilean an Tighearna Iehobhah air an rioghachd chionntaich, agus sgriosaidh mise bharr aghaidh na talmhainn i: amhain cha mhill mi gu tur tigh Iacoib, arsa Iehobhah. 9 Oir feuch bheir mise àithne, agus criathraidh mi tigh Israeil ann am measg nan uile chinneach, mar a chriathrar [siol] ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlein is lugha dheth air an talamh. 10 Bàsaichidh uile pheacaich mo shluaigh-sa leis a’ chlaidheamh, a ta ’g radh, Cha bheir an t-olc oirn, is cha ghlac e sinn gu h-obann. 11 Anns an là sin togaidh mise suas pailliun Dhaibhidh ata air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bhearnan; agus togaidh mi suas a làraichean, is cuiridh mi suas e mar anns na laithibh o shean: [TD 323] OBADIAH. CAIB. I. 12 A chum gu sealbhaich iad na mhaireas do dhaoine, agus na h-uile chinnich a dh’ ainmichear air m’ainm-sa; deir Iehobhah a ni so. 13 Feuch tha na làithean a’ teachd, arsa Iehobhah, anns am beir an treabhaiche air a’ bhuanaiche, agus fear-bruthaidh nam fion-dhearc air fear-cur an t-sìl; agus silidh na sleibhtean fion milis, agus leaghaidh na h-uile chnuic. 14 Agus bheir mise air a h-ais a rìs bruid mo shluaigh Israeil, agus togaidh iad na bailtean fàs, agus ni iad an àiteachadh; agus suidhichidh iad fion-liosan, is òlaidh iad am fion; ni iad fòs liosan, agus ithidh iad an toradh. 15 Agus suidhichidh mise iad ’nam fearann, is cha bhi iad ni ’s mò air an spionadh a nios as an fhearann a thug mise dhoibh, deir Iehobhah do Dhia-sa. OBADIAH. CAIB. I. SEALLADH Obadiah. Mar so deir an Tighearna Iehobhah do thaobh Edoim: Chuala’ sinn aithris o Iehobhah, agus chuireadh teachdaire am measg nan cinneach, [ag radh,] Eiribh-se, agus eireadh-mìde suas na h-aghaidh ann an cath. 2 Feuch, rinn mise beag thu measg nan cinneach: tha thu gu mor air do chur fa dhi-meas. 3 Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa ta chomhnuidh ann an sgeiribh nan creag, ann ad chomhnuidh aird; a ta ’g radh ann ad chridhe, Cò bheir a nuas mi chum an làir? 4 Ge d’ arduich thu thu fein mar an iòlair, is ge do shuidhich thu do nead am measg nan reultan, as sin bheir mise nuas thu, arsa Iehobhah. 5 Ma thig meirlich chugad, ma thig gaduichean anns an oidhche, (cionnus a ghearradh as thu!) nach goideadh iad gus am biodh gu leor aca? nan tigeadh luchd-tional nam fion-dhearc chugad, nach fàgadh iad dìolam do na dearcaibh? 6 Cionnus a ta Esau air iarruidh a mach! a nithe foluichte air an rannsachadh! 7 Thug uile dhaoine do chomuinn a chum na crìche thu; na daoine bha ’n sìth riut, a dh’ ith aran leat, mheall iad thu, agus bhuadhaich iad ann a d’aghaidh: leag iad rib fodhad: cha’n ’eil tuigse sam bith annad. 8 Nach sgrios mise san là sin, arsa Iehobhah, araon na daoine glice mach a h-Edom, agus tuigse a sliabh Esau? 9 Agus claoidhear do dhaoine treun-sa, O Themain; a chum gu gearrar a mach gach duine do shliabh Esau le h-àr. 10 Air son d’ ain-neairt an aghaidh do bhràthar Iacoib, ni nàire do chomhdachadh, is bidh tu air do ghearradh a mach gu bràth. [TD 324] OBADIAH. CAIB. I. 11 Anns an là san do sheas thu air an taobh eile, anns an là san d’ thug na coimhich a shluagh am bruid, anns an deachaidh coigrich asteach air a gheatachan, is anns an do thilg iad crannchur air Ierusalem, bha eadhon thusa mar aon diubh. 12 Ach cha bu chòir dhuit amharc [le solas] air là do bhrathar, anns an là san d’ rinneadh coigreach dheth: ni mò bu chòir dhuit gairdeachas a dheanamh os cionn cloinne Iudah ann an là an leir-sgrios; ni mò bu choir dhuit labhairt gu h-uaibhreach ann an là na docair. 13 Cha bu chòir dhuit dol asteach air geata mo shluaigh-sa ann an là an ain-deise; seadh cha bu chòir dhuit amharc [le solas] air an docair ann an là an airce; no lamh a chur air am maoin ann an là an amhghair. 14 Ni mò bu chòir dhuit seasamh anns an t-slighe tharsuing, a ghearradh a mach na dream a chaidh as d’a mhuinntir; ni mò bu chòir dhuit iadsan a mhair d’a chuideachd a thoirt suas ann an là na dòrainn. 15 Oir tha là Iehobhah dlù air na h-uile chinnich: mar a rinn thusa, nithear riut; pillidh do luigheachd air do cheann fein. 16 Oir amhuil a dh’ òl sibhse air mo shliabh naomha-sa, òlaidh na h-uile chinnich mu’n cuairt; seadh, òlaidh agus sluigidh iad sios; agus bithidh iad mar nach biodh iad idir ann. 17 Ach air sliabh Shioin bidh saorsa, agus bidh naomhachd; agus sealbhaichidh tigh Iacoib an sealbh fein. 18 Agus bidh tigh Iacoib ’na theine, agus tigh Ioseiph’na lasair; agus tigh Esau ’na asbhuain; agus lasaidh agus loisgidh iadsan iad; is cha bhi aon mairionn do thigh Esau; oir labhair Iehobhah. 19 Agus gabhaidh iadsan o dheas sealbh air sliabh Esau; agus iadsan a’n chomhnard air na Philistich: agus sealbhuichidh iad machair Ephraim, agus machair Shamaria; agus [sealbhuichidh] Beniamin Gilead. 20 Agus [sealbhuichidh] braighdean an t-sluaigh so chloinne Israeil fearann nan Canaanach, eadhon gu Sarephat; agus sealbhuichidh braighdean Ierusaleim, a ta ’n Sepharad, bailtean na h-airde deas. 21 Agus thig fir-shaoruidh nios air sliabh Shioin, a thoirt breith air sliabh Esau; agus bidh an rioghachd le Iehobhah. [TD 325] IONAH. CAIB. I. ANIS thainig focal Iehobhah gu Ionah mac Amitai, ag radh; 2 Eirich, imich gu Ninebheh, am baile mor sin, agus tog do ghuth ’na aghaidh; oir tha an aingeachd air teachd a nios am lathair-sa. 3 Ach dh’ eirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis, o fhianuis Iehobha; agus chaidh e sios gu Ioppa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phaigh e ’n luach-aisig, is chaidh e sios innte, gu dol leo gu Tarsis o làthair Iehobhah. 4 Ach chuir Iehobhah mach gaoth mhor air an fhairge, ’s bha onfha ro-mhor air an fhairge; ionus gu do shaoil iad gu biodh an long air a bristeadh. 5 An sin bha eagal air na maraichean, is ghlaodh iad gach duine r’a dhia; agus thilg iad a mach am bathar a bha san luing do ’n fhairge, chum iad fein eatromachadh: ach chaidh Ionah sios gu taobhan na luinge; agus luidh e, ’s bha e ’na shuain chadail. 6 An sin thainig maighstir na luinge d’a ionnsuidh, agus thuirt e ris, Ciod is ciall duit, O thusa a’ d’ chadal? eirich, gairm air do Dhia; theagamh gu smaointich Dia oirn, a chum nach bàsaich sinn. 7 Agus thubhairt iad gach aon r’a chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid crainn, a chum gu’n aithnicheamaid cò airson a ta ’n t-olc so air teachd oirn. Mar sin thilg iad crainn, agus thuit an crannchur air Ionah. 8 An sin thuirt iad ris, Innis duinn, guidheamaid ort, ciod a b’aobhar do’n olc so theachd oirn: ciod is dreuchd dhuit? agus cia as a thainig thu? ciod is dùthaich dhuit? agus cò na daoine d’am bheil thu? 9 Agus thuirt e riu, Is Eabhruidheach mi, agus tha eagal Iehobhah Dhia neimh orm, an Ti a rinn an cuan agus an talamh tioram. 10 An sin bha na daoine fo an-bharr eagail, agus thuirt iad ris, C’arson a rinn thu so? (oir thuig na daoine gu do theich e o làthair Iehobhah; oir dh’innis e dhoibh.) 11 An sin thuirt iad ris, Ciod a ni sinn riut, a chum gu biodh an fhairge ciuin dhuinn? (oir bha onfhadh na fairge a’ fàs ni bu mhò ’s ni bu mhò. 12 Agus thuirt e riu, Togaibh asuas mi, agus tilgibh a mach mi anns an fhairge; mar sin bidh an fhairge ciuin dhuibhse: oir tha fios agam gur ann air mo shon-sa tha ’n doinionn mhor so oirbhse. 13 Gidheadh, dh’iomraim na daoine gu cruaidh, a chum pilleadh gu tìr, ach cha b’urradh iad; oir dh’fhàs onfhadh na fairge ni bu mhò ’s ni bu mhò ’nan aghaidh. 14 Air an aobhar sin, ghlaodh [TD 326] IONAH. CAIB. II. III. iad ri Iehobhah, agus thubhairt iad, Guidheamaid ort, O Iehobhah, na leig dhuinne bàsachadh airson anama an duine so, ’s na leag oirn fuil neo-chiontach: oir rinn thusa, O Iehobhah, mar a b’ aill leat fein. 15 Is amhuil a ghlac iad Ionah, agus thilg iad a mach e anns an fhairge, agus sguir an fhairge d’a boile. 16 An sin bha eagal Iehobhah gu ro-mhor air na daoine, agus dh’iobair iad iobairt do Iehobhah, agus thug iad bòidean. 17 A nis dh’ ulmhaich Iehobhah iasg mor chum Ionah a shlugadh a suas, agus bha Ionah ann am broinn an éisg tri làithean agus tri oidhchean. CAIB. II. AN sin rinn Ionah urnaigh ri Iehobhah a Dhia, a broinn an éisg, 2 Agus thubhairt e; Ghlaodh mi do thaobh mo dhunaigh ri Iehobhah, agus dh’eisd e rium: a broinn na h-uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth. 3 Oir thilg thu mi san doimhne, ann am meadhon na fairge; agus dh’ iadh na tuiltean mu m’ thimchioll; chaidh do shumainnean agus do thonnan-sa uile tharum. 4 An sin thubhairt mi, Tha mi air mo thilgeadh a mach a fradharc do shùl; gidheadh seallaidh mi a rìs ri teampull do naomhachd. 5 Dh’ iadh na h-uisgeachan mu m’ thimchioll, eadhon gu ruig an t-anam: chomhdaich an doimhne mi mu ’n cuairt, bha mo cheann air a ribeadh anns an fheamainn. 6 Chaidh mi sios gu h-iochdar nan sleibhtean; dhruid an talamh a crainn gu bràth orm: gidheadh thug thusa nios as an t-slochd mo bheatha, O Iehobhah mo Dhia. 7 Tra dh’ anfhannaich m’ anam an taobh a stigh dhiom, chuimhnich mi air Iehobhah; ’s thainig m’ urnaigh chugad, gu d’theampull naomha. 8 Iadsan a ta leanmhuinn air diomhanasa breugach, tha iad a’ treigsinn an trocair fein. 9 Ach iobraidh mise dhuitse le guth buidheachais; iocaidh mi an ni sin a bhòidich mi; is ann o Iehobhah ta mo shlàinte. 10 Agus labhair Iehobhah ris an iasg, agus thilg e mach Ionah air an talamh thioram. CAIB. III. AGUS thainig focal an Tighearna gu Ionah an dara uair, ag radh; 2 Eirich, imich gu Ninebheh? an baile mor sin, agus labhair ris anns na briathraibh a dh’àithneas mise dhuit. 3 Agus dh’eirich Ionah, agus chaidh e gu Ninebheh, do reir focail Iehohhah. (A nis bu bhaile ro-mhor Ninebheh, astar thrì làithean.) 4 Agus thòisich Ionah air dol roimh an bhaile, astar aon latha; agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Fathasd dà fhichead là, agus sgriosar Ninebheh. 5 Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’ eigh iad trasg, is chuir iad umpa eudach-saic, o’n aon bu mhò dhiubh gus an aon bu lugha. 6 Oir thainig an sgeul gu righ Ninebheh, agus dh’ eirich [TD 327] IONAH. CAIB. IV. e o a rì-chathair, agus chuir e fhalluing uaith, is chomhdaich e e fein le eudach-saic, is shuidh e ann an luaithre. 7 Agus thug e fanear a ghlaodhach agus a chur an ceill feadh Ninebheh, (le ordugh an righ agus uaislean,) ag radh; Na blaiseadh duine no beathach, buar no treud, aon ni; na h-ionaltradh iad, is na h-òladh iad uisge. 8 Ach biodh duine’s ainmhidh air an comhdachadh le eudach-saic, agus glaodhadh iad gu treun ri Dia; seadh, pilleadh iad gach aon o dhroch shlighe, agus o’n fhoirneart a ta ’n an làmhan. 9 Cò aig am bheil fios nach pill Dia ’s nach gabh e aithreachas, agus nach pill e o dhian-chorruich; air chor as nach bàsaich sinn? 10 Agus chunnaic Dia an oibre, gu do phill iad o’n droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas do’n olc a thubhairt e gu deanadh e orra, agus cha d’ rinn se e. CAIB. IV. AGUS mhi-thaitinn sin ri Ionah gu ro-mhor, agus bha fearg mhor air. 2 Agus ghuidh e ri Iehobhah, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Iehobhah, nach dubhairt mise so, ’nuair a bha mi fathasd ann am dhùthaich fein? Uime sin theich mi roimhe so gu Tarsis: oir bha fios agam gur Dia grasmhor thusa, agus trocaireach, mall a chum feirge, ’s pailt ann an iochd, is gu gabh thu aithreachas mu olc. 3 Uime sin a nis, O Iehobhah, buin, guidheam ort, m’ anam uam; oir is fearr dhomhsa bhi marbh na beo. 4 An sin thuirt Iehobhah, Am maith a thig dhuit fearg a bhi ort? 5 A nis bha Ionah air dol a mach as a’ bhaile, agus shuidh e air an taobh an ear do ’n bhaile, ’s an sin rinn e dha fein bothan, agus shuidh e fuidhe san dubharr, gus am faiceadh e ciod a thachradh do ’n bhaile. 6 Agus dh’ ulmhaich an Tighearna Dia luibh-sgàile, agus dh’ fhàs i nios os cionn Ionah, a chum gu biodh i mar sgàile thar a cheann, d’a shaoradh o dhoilghios. Agus bha Ionah ro-ait airson an luibh-sgàile. 7 Ach dh’ ulmhaich Dia cnuimh an uair a dh’ eirich a’ mhadainn air an ath-là, agus bhuail i an luibh-sgaile, agus shearg i. 8 Agus tharladh tra dh’ eirich a’ ghrian, gu do dheasaich Dia gaoth theath o ’n ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionus gu d’ anfhannuich e; agus ghuidh e ann fein bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fearr dhomhsa bhi marbh na beo. 9 Agus thuirt Dia ri Ionah, An ceart dhuit do chorruich a bhi air lasadh airson an luibh-sgàile? Agus thuirt esan, is ceart domh a bhi ann an corruich gu bàs. 10 An sin thuirt Iehobhah, Choigleadh tusa an luibh-sgàile, airson nach do shaothairich thu, ni mò thug thu air fàs; a thainig a nios ann an oidhche, ’s a chaidh seachad ann an oidhche. 11 Agus nach coiglinn-se Ninebheh, am baile mor sin, anns am bheil tuille as sea fichead mìle pearsa, do nach aithne an lamh dheas seach an lamh chlì; agus moran spreidhe? [TD 328] MICAH. CAIB. I. FOCAL Iehobhah, a thainig gu Micah am Morastach, ann an làithibh Iotaim, Ahais, Heseciah, righrean Iudah; a chunnaic e do thaobh Shamaria agus Ierusaleim. 2 Eisdibh, O shlòigh, an t-iomlan dibh: thoir fanear, O thalaimh, is na h-uile ta ann; agus biodh an Tighearna Iehobhah ’na fhianuis ’nur n-aghaidh an Tighearna o theampull naomha. 3 Oir feuch, thig Iehobhah mach as àite; agus thig e nuas, agus saltraidh e air ionadaibh arda na talmhainn. 4 Agus leaghar na sleibhtean fuidhe, agus sgoiltear na gleannta; mar chéir fa chomhair an teine, mar uisgeachan a dhòirtear thar bruaich chorraich. 5 Air son easaontais Iacoib tha so uile, ’s air son lochdan tighe Israeil. Ciod e easaontas Iacoib? nach e Samaria? agus ciod iad ionadan arda Iudah? nach iad [sin ata ’n] Ierusalem? 6 Uime sin ni mise Samaria ’na carn ’sa mhachair, ’na h-àit air son suidheachaidh fion-lios; agus taomaidh mi sios a clachan do ’n ghleann, agus leigidh mi ris a bunaite. 7 Agus bristear a dealbhan snaighte gu leir ’nam bloighdibh, agus loisgear a tuarasdal gu leir le teine, ’s an t-iomlan d’a h-iodholaibh leagaidh mise sios ’nan làraich: oir do thuarasdal striopaiche chruinnich i [a h-ionnais;] agus do thuarasdal striopaiche pillidh iad. 8 Air an aobhar sin ni mise caoidh agus ard-ghul; siubhlaidh mi ruisgte agus lomnochd: ni mi tuireadh mar na sionnaich, agus cumha mar nigheana na h-oistrice. 9 Oir tha a creuchd do leigheas, oir thainig i gu Iudah; thainig i gu geata mo shluaigh-sa, gu Ierusalem. 10 Na cuiribh an ceill e ann an Gat; na guilibh air aon chor; ann an tigh Aphrah aornagain thu fein san luaithre. 11 Imich air falbh, a bhean-àiteachaidh Shaphir, le d’ nàire air a leigeadh ris; cha deachaidh luchd-àiteachaidh Shanain a mach gu tuireadh: O Bhet-eseil, gheibh e uaibhse aite-seasaimh. 12 Gu dearbh tha bean-àiteachaidh Mharoit tinn gu bàs; gu dearbh thainig olc a nuas o Iehobhah gu geata Ierusaleim. 13 Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa ta ’g àiteachadh Lacheis. B’ ise bu toiseach peacaidh do nighean Shioin: oir annadsa fhuaradh easaontais Israeil. 14 Uime sin bheir thu tiolacan do Mhoreset-Gat: bidh tighean Achsib ’nam mealladh do righribh Israeil. 15 Agus bheir mise oighre chugadsa, O bhean-àiteachaidh [TD 329] MICAH. CAIB. II. III. Mharesah: thig e gu Adulam, gloir Israeil. 16 Dean maol thu fein, agus dean do bhearradh air son do chloinne àillidh; sgaoil, mar an iolair, do mhaoile; oir dh’fhalbh iad uait am braighdeanas. CAIB. II. IS truagh dhoibhsin a ta dealbh aingeachd, agus a’ cur an gniomh uilc air an leapuichibh; an uair a shoillsicheas a’mhadainn tha iad ’ga dheanamh, a chionn gu bheil e’n comas an laimhe. 2 Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, is ’gan glacadh le foirneart; thighean, is tha iad ’gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàruchadh duine agus a thighe; duine mhoir, agus oighreachd. 3 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah; Feuch, an aghaidh an teaghlaich so tha mise ag dealbh uilc, o nach buin sibh air falbh ’ur muineil, ni mò dh’ imicheas sibh gu h-uaibhreach: oir is amsir olc i so. 4 Anns an là sin togar cosalachd ’nur n-aghaidh, agus nithear tuireadh le cumha bhrònach, ag radh; Tha sinn gu tur air ar creachadh: dh’ atharruich e cuibhrionn mo shluaigh: cionnus a dh’ atharruich e uam e? roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fein. 5 Gu dearbh cha bhi aon neach agad a shìneas a mach sreang le crannchur ann an co-thional Iehobhah. 6 Na deanuibhse fàisneachd, O sibhse ta ri fàisneachd: cha dean iad fàisneachd dhoibh; cha toir esan air falbh am masladh. 7 Am bheil tigh Iacoib ag radh, Am bheil spiorad Iehobhah air a chughannachadh? an iad so a ghniomhara? Nach’eil mo bhriathran-sa maith leis an neach a ghluaiseas gu h-ionraic? 8 Ach o chian fada dh’eirich mo shluagh a suas mar namhaid: tha sibh a’ spionadh na falluinge, maille ris an trusgan, o’n mhuinntir a ta ’g imeachd seachad gu tearuinte, mar dhaoine gun spéis do chogadh. 9 Mnathan mo phobuill thilg sibh a mach o’n tighibh taitneach; o’n cloinn thug sibh air falbh mo ghloir gu bràth. 10 Eiribh, agus imichibh, oir cha’n i so ’ur comhnuidh: a chionn gu bheil e air a shalachadh, sgriosar e; agus bidh an sgrios mor. 11 Ma ni duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad breige agus ceilg, fàisneachd dhuit air son fiona ’s airson dibhe làidire, bidh eadhon esan’na fhàidhe do’n t-sluagh so. 12 Cruinnichidh mi gu cinnteach, O Iacoib, an t-iomlan diot-sa: cruinnichidh mi gu cinnteach iarmad Israeil; cuiridh mi iad le cheile mar chaoirich Bhosrah, mar threud ann am meadhon am mànrach: ni iad farum mor le lionmhoireachd dhaoine. 13 Thainig am fear-bristidh a nios rompa: bhrist iad an geata, ’s chaidh iad roimhe; agus chaidh iad a mach da thrìd; agus siubhlaidh an righ air an toiseach, eadhon Iehobhah air an ceann. CAIB. III. AGUS thubhairt mi, Eisdibh, guidheam oirbh, O [TD 330] MICAH. CAIB. IV. cheannarda Iacoib, agus a phrionnsacha tighe Israeil; nach buin duibhse fios a bhi agaibh ciod tha ceart? 2 Sibhse ta fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gradhachadh an uilc; a ta spionadh dhiubh an craicinn, agus am feola bharr an cnàmh: 3 A ta fòs ag itheadh feola mo shluaigh-sa, agus a’ feannadh dhiubh an craicinn, agus a’ bristeadh an cnàmh, agus ’gan gearradh ’nam blòighdibh, mar fheoil air son na poite, ’s mar bhiadh ann am meadhon a’ choire. 4 An sin glaodhaidh iad ri Iehobhah, ach cha chluinn e iad: folaichidh e fòs a ghnùis uatha san am sin, mar a ghiulain iad iad fein gu h-olc ’nan gniomharaibh. 5 Mar so deir Iehobhah mu thimchioll nam fàidhean a ta toirt air mo shluagh-sa dol air seachran, a ta teumadh le ’m fiaclaibh, agus a’ glaodhach, Sìth: ach air son an ti nach cuir ’nam beul, tha iad ag ulmhachadh cogaidh ’na aghaidh. 6 Air an aobhar sin thig oidhche oirbh, air chor as nach faic sibh sealladh; agus thig dorchadas oirbh, air chor as nach dean sibh fàisneachd; agus theid a’ ghrian a sios air na fàidhean, is bidh an là os an cionn dorcha. 7 An sin bidh nàire air na fiosaichean, is amhluadh air na fàidhean; seadh, comhdaichidh iad uile am beul, oir cha’n ’eil freagradh air bith o Dhia. 8 Ach gu deimhin tha mise làn do chumhachd, do spiorad Iehobhah, agus do bhreitheanas, agus do neart; a leigeadh ris easaontais do Iacob, agus a pheacaidh do Israel. 9 Cluinnibh so, guidheam oirbh, a cheannarda tighe Iacoib, agus a luchd-stiuraidh tighe Israeil; sibhse aig am bheil fuath do bhreitheanas, agus a ta fiaradh gach uile cheartais: 10 A ta a’ togail Shioin a suas le fuil, agus Ierusaleim le dò-bheairt. 11 Tha an ceannardan a’toirt breith air son duaise, agus an sagairt a’ teagasg air son tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàisneachd air son airgid; gidheadh leigidh iad an taice ri Iehobhah, ag radh: Nach ’eil Iehobhah ’nar meadhon? cha d’ thig aon olc oirn. 12 Uime sin, air ’ur son-sa bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, is bidh Ierusalem ’na carnaibh; agus sliabh an Tighe mar ionadaibh arda na frìdhe. CAIB. IV. ACH tarlaidh anns na làithibh deireannach gu bi sliabh tighe Iehobhah air a dhaighneachadh air mullach nan sliabh, agus ardaichear e os cionn nam beann, agus sruthaidh na slòigh da ionnsuidh. 2 Agus theid moran chinneach agus their iad, Thigibh, agus rachamaid a suas gu sliabh Iehobhah, agus gu tigh Dhe Iacoib; agus teagaisgidh e dhuinn m’a shlighibh, agus gluaisidh sinne ’na cheumaibh; oir a Sion theid a mach an lagh, agus focal Iehobhah a Ierusalem. 3 Agus bheir e breith am measg mhoran shluagh, agus bheir e geur-mhothacha do chinneachaibh làidir fad as, agus buailidh iad [TD 331] MICAH. CAIB. V. an claidhean gu coltair, agus an sleaghan gu corrana-sgathaidh: cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, is cha ’n fhogluim iad cogadh ni ’s mò. 4 Ach suidhidh iad, gach duine fuidh fhineamhuin, agus fuidh chrann-fìge fein, is cha chuir aon neach eagal orra: oir beul Iehobhah Dhia nan sluagh labhair e. 5 Oir ge do ghluaiseas na h-uile shluagh, gach aon ann an ainm a dhe fein; gidheadh gluaisidh sinne ann an ainm Iehobhah ar De-ne, gu saoghal nan saoghal. 6 Anns an là sin, arsa Iehobhah, cruinnichidh mi ise ta bacach, is tionailidh mi ise ta air a fògradh a mach; agus ise a dh’ fhiosraich mi le dòrainn. 7 Agus ni mi ise bha bacach ’na h-iarmad, agus ise bha air a tilgeadh air falbh, ’na cinneach làidir; agus riaghlaidh Iehobhah os ann cionn ann an sliabh Shioin, o so amach eadhon gu siorruith. 8 Agus thusa, O thùir an treud, a dhaighnich làidir nighine Shioin, thig d’ am-sa; agus pillidh an t-sean uachdranachd, an rioghachd, gu nighin Ierusaleim. 9 A nis com’ am bheil thu glaodhach gu h-ard? am bheil righ air bith annad? an do bhàsaich d’ fhear-comhairle? oir ghlac ioghanna thu, mar mhnaoi ri saothair. 10 Bi ann an saothair, agus beir, O a nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a nis theid thu mach as a’ chaithir, is gabhaidh tu comhnuidh anns a’ mhachair, is theid thu [eadhon] gu Babilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh Iehobhah thu a laimh do naimhdean. 11 A nis fòs tha moran chinneach air cruinneachadh a’ d’ aghaidh, a ta ’g radh, Biodh i air a truailleadh, agus faiceadh ar suil [ar miann] air Sion. 12 Ach cha ’n aithne dhoibh so smaointe Iehobhah, ni mò thuigeas iad a chomhairle: oir ni e an cruinneachadh mar na sguaban a chum an urlair. 13 Eirich, agus buail a mach an t-arbhar, O a nighean Shioin, oir ni mise d’adharc ’na h-iarunn, is d’ ionganna ’nan umha; agus buailidh tu ’nam bloighdibh moran chinneach; agus coisrigidh tu an ionnas do Iehobhah; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile. CAIB. V. ANIS cruinnich thu-fein, O a nighean, ann am buidhnichibh: chuairtich iad le feachd sinn; bhuail iad le slait air a ghial breitheamh Israeil. 2 ¶ Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, cha tu idir a ’s lugha ann am measg chinn-fheadhna Iudah; asad thig a mach chugam-sa neach a bhios ’na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a mach o shean, o làithibh na siorruitheachd. 3 Air an aobhar sin bheir e thairis iad, gus an t-am anns an toir ise, ta gu leanabh a bhreth, dhathigh clann; is gus an iompaichear fuigheall am bràithrean, maille ri macaibh Israeil. 4 Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e [a threud,] ann an [TD 332] MICAH. CAIB. VI. neart Iehobhah; ann am mòrachd ainme Iehobhah a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a nis bidh esan mor gu ruig criocha na talmhainn: 5 Agus bidh esan ’na shìth. ’Nuair a thig an t-Asirianach d’ ar tìr, is ’nuair a shaltras e ’nar lùchairtibh, an sin togaidh sinn ’na aghaidh seachd buachaillean, is ochd cinn-fheadhna sluaigh. 6 Agus cuiridh iad fearann Asiria fàs leis a’ chlaidheamh, eadhon fearann Nimroid ’na dhol a steach: mar so saoruidh iad sinn o’n Asirianach ’nuair a thig e chum ar fearainn, is ’nuair a shaltras e ’n taobh a stigh d’ ar criochan. 7 Agus bidh fuigheall Iacoib am measg nan cinneach, ann am meadhon mhoran shluagh, mar an drùchd o Iehobhah, mar na frasan air an fheur; nach feith ri duine, ’s nach fan ri macaibh dhaoine. 8 Agus bidh fuigheall Iacoib am measg nan cinneach, ann am meadhon mhoran shluagh, mar leomhann am measg bheathaichean na frìdhe, mar chuilean leomhainn am measg nan treuda caorach: e sin, ma theid e roimhe, araon saltraidh sios, agus reubaidh, is cha tearuinn aon neach. 9 Togar do lamh a suas os cionn do naimhdean, is bidh d’eas-cairdean gu leir air an gearradh as. 10 Agus tarlaidh anns an là sin, arsa Iehobhah, gu gearr mise do chuid each a mach as do mheadhon, agus sgriosaidh mi do charbaid. 11 Agus gearraidh mi as bailtean d’ fhearainn, agus tilgidh mi sios d’ uile dhaighnichean. 12 Agus gearraidh mi na druidhean a mach as do mheadhon, is fiosaichean air bith cha bhi agad. 13 Do dhealbhan snaighte mar an ceudna gearraidh mi as, agus do dhealbhan seasmhach a mach as do mheadhon: is cha toir thu ni ’s mò aoradh do obair do lamh. 14 Agus spionaidh mi nios do dhoireachan as do mheadhon: sgriosaidh mi fòs do naimhdean: 15 Agus ni mi dioghaltas, ann am feirg is ann an corruich, air na cinnich nach d’ thug geill domh. CAIB. VI. EISDIBHSE nis ciod a deir Iehobhah: Eirich, tagair fa chomhair nam beann, is cluinneadh na cnuic do ghuth. 2 Eisdibhse, O shleibhte, coi-stri Iehobhah; agus sibhse, a bhunaite làidir na talmhainn. Oir tha coi-stri aig Iehobhah r’a shluagh, agus tagraidh e ri Israeil. 3 O mo shluagh, ciod a rinn mise ort? agus ciod anns an do chlaoidh mi thu? tog fianuis am aghaidh. 4 Oir thug mi nios thu a tìr na h-Eiphit; agus a tigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam. 5 O mo shluagh, cuimhnich a nis ciod a’ chomhairle ghabh Balac righ Mhoaib; agus ciod am freagradh a thug Balaam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a chum gu’n aithnicheadh sibh fireantachd Iehobhah. 6 Ciod leis an d’ thig mi ann am fianuis Iehobhah; leis an [TD 333] MICAH. CAIB. VII. striochd mi mi fein an lathair an Dia a’s airde; an d’thig mi ’na fhianuis le iobairtibh loisgte; le laoigh a bhios bliadhna dh’ aois? 7 An bi Iehobhah toilichte le mìltibh do reitheachaibh, le deich mìltibh do shruthaibh ola? an toir mi mo cheud-ghin air son mo chionnta, toradh mo chuirp air son cionnta m’ anama? 8 Dh’ fheuch e dhuit, O dhuine, ciod a tha maith; agus ciod a tha Iehobhah ’g iarruidh ort, ach ceartas a dheanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h-iriosal maille ri d’ Dhia. 9 Tha guth Iehobhah a’glaodhach ris a’ bhaile; agus is fior-ghlic iadsan air am bheil eagal ainme: eisdibhse an t-slat, agus an Ti dh’ orduich i. 10 Am bheil fathasd ionnasa na h-aingeachd ann an tigh an droch-dhuine; agus an tomhas gann ata gràineil? 11 Am meas mise glan i leis na meighibh eucorach, is le màla nan cothroma cealgach? 12 Aig am bheil a daoine beartach làn ain-neairt; agus labhair a luchd-àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach ’nam beul. 13 Uime sin tionnsgnaidh mise air do bhualadh, air do dheanamh fàs, airson do lochda. 14 Ithidh tu, ach cha sàsuichear thu; agus bidh e dorcha ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghleidh thu: agus an ni sin a ghleidheas tu, bheir mise do ’n chlaidheamh. 15 Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu [meas] a’ chrainn-ola, ach cha ’n ung thu thu fein le h-ola; agus [dearcan] an fhion nuadh, ach cha ’n òl thu fion. 16 Oir choimhid thu reachdan Omri, agus uile oibre tighe Ahaib; agus tha sibh ag imeachd ’nan comhairlibh; a chum gu deanainnse ’na h-ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh ’nan sgeig; agus gu giulaineadh sibhse masladh mo shluaigh-sa. CAIB. VII. MO thruaighe mise! oir d’fhàs mi mar luchd-tionail a’mheas shamhraidh; mar luchd-dioluim an fhion-fhogharaidh: cha ’n ’eil aona bhaguide r’a itheadh: tha m’ anam ag iarruidh a’ cheud-thoraidh. 2 Bhàsaich an t-ionracan as an fhearann, is cha ’n ’eil neach treibh-dhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad gach aon a’ sealg a bhràthar le lion. 3 A chum gu deanadh iad olc le uile dhìcheall an lamh, tha am prionnsadh agus am breitheamh ag iarruidh duaise: agus tha an duine mor a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad a’ deanamh gu gràineil. 4 Tha ’n ti ’s fearr dhiubh mar dhris; tha ’n ti ’s ionraice ’nam measg mar phris dhroighinn: [is e so] là do luchd-faire; tha do smachdachadh air teachd; a nis bithidh iad ann an imcheist. 5 Na h-earbaibh a caraid; na cuiribh muinighin ann am fear-iuil uaipe-sa a luidheas ann ad uchd gleidh dorsa do bheoil. 6 Oir tha am mac a’ toirt eas-onoir do ’n athair, tha an nighean ag eiridh suas an aghaidh a mathar, bean a mhic an aghaidh a mathar-chéile: is iad naimh- [TD 334] MICAH. CAIB. VII. dean duine muinntir a thighe fein. 7 Ach seallaidh mise ri Iehobhah: bidh mo dhòchas am an Dia mo shlàinte: eisdidh rium mo Dhia. 8 Na dean gairdeachas am aghaidh, O mo nàmhaid; ge do thuit mi, eiridh mi; ge d’ shuidheam ann an dorchadas, bidh Iehobhah ’na sholus dhomh. 9 Giulainidh mi corruich Iehobhah, a chionn gu do pheacaich mi ’na aghaidh; gus an tagair e mo chùis, is an toir e breith air mo shon: bheir e mach mi chum an t-soluis; chi mi fhireantachd. 10 Agus chi mo namhaid sin, is comhdaichidh nàire ise thuirt rium, C’ àit am bheil Iehobhah do Dhia? chi mo shùilean [am miann] oirre; a nis saltrar asios i mar òtrach nan sràidean. 11 Anns an là sam bi do bhallachan air an togail; anns an là sin cuirear am fad uait an t-ordugh [a’ d’ aghaidh.] 12 Anns an là sin fòs thig iad do d’ ionnsuidh o Asiria eadhon gus an Eiphit; agus o’n Eiphit eadhon gus an abhann; agus o fhairge gu fairge, agus o shliabh gu sliabh. 13 Gidheadh bidh an talamh ’na fhàsaich, air son a luchd-àiteachaidh, air son toraidh an deanadais. 14 Beathaich do shluagh le d’ luirg, treud d’ oighreachd, a ta gabhail comhnuidh gu h-uaigneach san fhrìdh; ann am meadhon Charmeil ionaltradh iad, ann am Basan agus Gilead, mar anns na làithibh o shean. 15 Mar anns na laithibh san d’ thainig iad a mach a tìr na h-Eiphit nochdaidh mise dhoibh nithe miorbhuileach. 16 Chi na cinnich, is bidh iad fo amhluadh airson an uile chumhachd: cuiridh iad an lamh air am beul, bidh an cluasan bodhar. 17 Imlichidh iad an duslach mar nathair; gluaisidh iad a mach as an tuill mar chnuimhean na talmhainn: bidh eagal orra roimh Iehobhah ar Dia-ne, ’s bidh iad fo gheilt air do shon-sa. 18 Cò an Dia a’s cosmhuil riut-sa, a mhaitheas aingeachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmaid oighreachd? cha ghleidh e a chorruich gu siorruith, a chionn gur toigh leis trocair. 19 Pillidh e a rìs, gabhaidh e truas dinn: comhdaichidh e ar n-easontais: seadh, tilgidh tu ar n-uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge. 20 Coilionaidh tu an fhirinn do Iacob, [is] an trocair do Abraham, a mhionnaich thu d’ ar n-aithrichean o na làithibh o shean. [TD 335] NAHUM. CAIB. I. AN fhàisneachd mu thimchioll Ninebheh. Leabhar seallaidh Nahuim an Elcosich. 2 Tha Dia eudmhor, is ni Iehobhah dioghaltas, ni Iehobhah dioghaltas, is tha e ann am feirg, ni Iehobhah dioghaltas air eas-cairdean; is taisgidh e [corruich] air son a naimhdean. 3 Tha Iehobhah mall a chum feirge, gidheadh mor ann an cumhachd, ach cha saor Iehobhah air chor air bith [an t-aingidh.] Anns a’ chuairt-ghaoith, is anns an doininn tha a shlighe, agus is iad na neoil luaithreadh a chas. 4 Bheir a achasan do ’n fhairge, ’s ni e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h-aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; is tha blàth Lebanoin air crionadh. 5 Criothnaichidh na sleibhtean roimhe-san, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a sgrios ’na làthair, an saoghal agus uile luchd-àiteachaidh. 6 Cò a ’s urrain seasamh fa chomhair fheirge-san? is cò dh’fheudas fuireach ann an dian-theas a chorruich? tha a chorruich air a dòrtadh a mach mar theine, ’s tha na creagan air an tilgeadh a sios leis. 7 Is maith Iehobhah, is daighneach làidir e ann an là na h-airce, agus is aithne dha iadsan a ta cur ann an dòchais. 8 Ach le tuil sgriosaich bheir e crioch iomlan air an dream a dh’ eireas ’na aghaidh; agus ruaigidh dorchadas a naimhdean. 9 Ciod a tha sibh a smaointeachadh an aghaidh Iehobhah? ni e crioch iomlan: cha ’n eirich amhghar a suas an dara uair. 10 Oir am feadh a ta na h-uachdarain fathasd an im-cheist, is mar gu b’ann air mhisg le ’m fion, caithear iad mar asbhuain làn-thioram. 11 Asadsa chaidh aon a mach a dhealbh olc an aghaidh Iehobhah; droch fhear-comhairle. 12 Mar so deir Iehobhah, Ge d’ tha iad buadhach, agus fòs lionmhor, gidheadh gearrar as iad, agus siubhlaidh iad air falbh. Ge do rinn mi thusa chlaoidh, cha chlaoidh mi thu ni ’s mò. 13 Oir a nis bristidh mi a chuing-san dhiot, agus sgaoilidh mi as a cheile do chuibhrichean. 14 Agus thug Iehobhah àithne mu d’ thimchioll, nach froisear a mach d’ ainm ni ’s mò. A mach a tigh do dhée gearraidh mise an iomhaigh shnaighte, ’s an iomhaigh leaghta; orduichidh mi d’ uaigh, oir dh’ fhàs thu gràineil. 15 Feuch air na sleibhtibh casan an ti tha toirt deagh sgeoil leis, a ta craobh-sgaoileadh sìth: O Iudah, gleidh d’ard-fheillean; coilion do bhòidean: oir cha siubhail an t-aingidh ni ’s mò do d’thrìd, tha e gu tur air a ghearradh as. [TD 336] NAHUM. CAIB. II. III. CAIB. II. THA esan a phronnas ann am bloighdibh air teachd a nios fa d’ chomhair; gleidh an daighneach, fair an t-slighe, dean do leasraidh laidir, neartuich gu treun do chumhachd. 2 Oir aisigidh Iehobhah a rìs oirdheirceas Iacoib, mar oirdheirceas Israeil: oir mhill an luchd-millidh iad, agus sgrios iad an geugan. 3 Rinneadh sgiath a dhaoine cumhachdach dearg, tha na gaisgich ann an sgarlaid: bidh na carbaid mar leusaibh lasrach ann an là ulmhachaidh; is crathar gu h-uabhasach na sleaghan giumhais. 4 Bidh na carbaid air boile ’s na sràidibh, buailidh iad an aghaidh a cheile anns na h-ionadaibh farsuing: bidh an dreach mar leois, ruithidh iad mar dhealanaich. 5 Airmhidh e dhaoine treun a rìs: leagaidh iad a sios ’nan imeachd: ni iad deifir a chum a’bhallaidh, is ulmhaichear an dìdein. 6 Fosglar geatacha n h-aibhne, ’s bidh an luchairt air a sgaoileadh. 7 Agus bheirear a bhan-rioghainn air falbh am bruid, bheirear a suas i; agus a gruagaichean ’na co-imeachd mar le guth choluman, a’ bualadh air an uchd. 8 Ach tha sruithean Ninebheh mar linne uisge; agus tha iadsan a’ teicheadh Seasuibh, seasuibh; ach cha seall aon neach ’na dheigh. 9 Glacaibhse a’ chreach airgid, glacaibh a’chreach òir: oir cha ’n ’eil crioch air an ionnas ghlormhor, leis gach uile sheorsa do shoithichibh riomhach. 10 Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, is na glùinean a’ bualadh air a cheile; agus tha moran cràidh anns na h-uile leasraibh, is tha an aghaidhean gu leir a’ tional dorchadais. 11 C’ àit am bheil comhnuidh nan leomhann, is aite-beathachaidh nan leomhann oga? far an do ghluais an leomhann, an sean leomhann, is cuilean an leomhainn, gun aon air bith a chur geilt orra. 12 Reub an leomhann gu leor air son a chuileanan, is mharbh e air son a leomhanna boirionn, is lionn e thuill le cobhartach, agus uaimh le creich. 13 Feuch, tha mise ann ad aghaidh, deir Iehobhah Dia nan sluagh, agus loisgidh mi do charbadan san teine; agus ithidh an claidheamh do leomhainn òga: agus gearraidh mise do chreach o’n talamh, agus cha chluinnear ni ’s mò guth do theachdairean. CAIB. III. IS truagh do ’n chaithir fhuiltich! tha i uile ’na ceilg, làn do reubainn; cha ’n ’eil sgur air a’ chreich. 2 Fuaim slait-sgiursaidh, agus torman farum nan rothan, is nan each meamnach, is nan carbad leumnach! 3 Togaidh am marcach a suas araon an claidheamh loinreach, agus an t-sleagh liomhaidh; agus tha sluagh do mhairbh ann, is àireamh mor do chorpaibh: cha ’n ’eil crioch air an cairbhinibh; tha iad a’ tuisleachadh air an corpaibh: [TD 337] NAHUM. CAIB. III. 4 Air son lionmhoireachd striopachais na striopaiche maisiche, ban-mhaighstir nan druidheachdan, a ta reic chinneach le a striopachas, agus theaghlaichean le a druidheachdan. 5 Feuch, tha mis’ a’ d’ aghaidh, deir Iehobhah Dia nan sluagh, is leigidh mi ris do sgiortan air d’aghaidh, agus foillsichidh mi do na cinnich do lonmochduiche, ’s do na rioghachdaibh do mhasladh. 6 Agus tilgidh mi salchar gràineil ort, is ni mi suarrach thu, agus cuiridh mi thu mar bhall-amhairc. 7 Agus tarlaidh, iadsan uile dh’ amhairceas ort, gu teich iad uait, agus their iad, Rinneadh Ninebheh ’na fàsaich, cò chaoidheas i? cia as a dh’iarras mi luchd-cofhurtachd air do shon? 8 Am fearr thusa na No sluaghmhor a bha air a suidheachadh am measg nan aibhnichean; aig an robh na h-uisgeachan mu ’n cuairt d’i, aig an robh an fhairge mar dhìdein, agus a’ mhuir mar bhalladh? 9 B’e Etiopia a neart agus an Eiphit, is bha sin an-bharr: b’iad Put agus Lubim a luchd-coghnaidh. 10 Gidheadh thugadh air falbh i, dhi’ imich i ann am braighdeanas: bha a clann òga fòs air am pronnadh nam bloighdibh aig ceann nan uile shràidean: agus thilg iad crainn air son a daoine urramach, is bha a daoine mora gu leir air an ceangal ann an slabhraidhean. 11 Bidh tusa fòs air do thuarasdalachadh, folaichidh tu thu fein, iarruidh tu dìdein o’n nàmhaid. 12 Bidh d’uile dhaighnichean làidir mar chrainn-fhìge leis na ceud-fhìgibh abuich: ma chrathar iad, tuitidh iad ann am beul an ti dh’itheas iad. 13 Feuch, tha do dhaoine mar mhnathan ann ad mheadhon: sgaoilear gu fairsing do d’naimhdibh geatacha do thìre; caithidh an teine do chrainn-dhruididh. 14 Tarruing uisge dhuit fein, air son an fheachda, neartuich do dhaighnichean làidir: siubhail do ’n chrèidh agus post an làthach; daighnich an àth-chreadha. 15 An sin ni an teine do chaitheamh, gearraidh an claidheamh as thu: ithidh e suas thu mar a chnàmh-chnuimh: dean thu fein lionmhor mar a chnàmh-chnuimh, dean thu fein lionmhor mar an locust: 16 Dean do luchd-malairt lionmhor thar reulta neimhe: millidh a chnàmh-chnuimh, agus siubhlaidh i air falbh. 17 Tha iadsan a chrùnadh annad mar na locuist, is do chinn-fheadhna mar na cearbain-fheoir, a chomhnuicheas anns na barranaibh san latha fhuar; ach ’nuair a dh’eireas a ghrian teichidh iad air falbh, is cha ’n ’eil fios cia ’n t-àite ’m bheil iad. 18 Tha do bhuachillean ri clò-chadal, O a righ Asiria: tha d’uaislean ’nan tàmh: tha do shluagh air an sgapadh air na sleibhtean, is cha ’n ’eil aon neach ann d’an cruinneachadh. 19 Cha ’n ’eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h-uile chluinneas iomradh ort buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail t-olc an comhnuidh? [TD 338] HABACUC. CAIB. I. AN fhàisneachd a chunnaic Habacuc am fàidh. 2 Cia fhad, O Iehobhah, a ghlaodhas mi, agus nach eisd thu? a ghlaodhas mi riut air son foirneairt, agus nach saor thu! 3 C’ arson a ta thu nochdadh dhomh aingeachd, agus a’ toirt orm sealltuinn air doilghios? oir tha creach agus foirneart fa m’ chomhair; is luchd-dusgaidh strìdh agus aimh-réite. 4 Air an aobhar sin tha an reachd air fàilneachadh, is cha’n ’eil breitheanus uair air bith a’ dol amach: oir tha an cionntach ag iadhadh mu thimchioll an fhirein: uime sin tha breitheanas eucorach a ’dol air aghaidh. 5 Faicibh, a luchd-easaontais, is amhaircibh, is gabhaibh iongantas, is bàsaichibh: oir ni mise obair ’nur làithibh, nach creid sibh ge d’ innsear i dhuibh. 6 Oir feuch, duisgidh mi suas na Caldeich, an cinneach searbh agus deithniosach sin, a dh’ imicheas trìd leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h-àiteacha-comhnuidh nach leo fein. 7 Tha iad uabhasach agus eagalach: thig am breitheanus agus an oirdheirceas a mach uatha fein. 8 Tha ’n eich fòs ni ’s luaithe na liopaird, is tha iad ni’s buirbe na madaidh-alluidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fein, is thig am marc-shluagh o ioma-chein; itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu itheadh. 9 Thig iad uile air son ain-neart: sgriosaidh iad rompa mar a’ ghaoth ’n ear; is cruinichidh iad braighdean mar a’ ghaineamh. 10 Agus ni iad sgeig air righrean, is bidh prionnsachan nan cùis-mhagaidh dhoibh: ni iad fanoid air gach daighneach làidir; agus cruachaidh iad a suas talamh agus glacaidh iad e. 11 An sin caochlaidh an inntin, is siubhlaidh iad air falbh, is measar iad cionntach. So an neart maille ri ’n dia. 12 Nach ’eil thusa o shiorruitheachd, O Iehobhah, mo Dhia-sa, m’ Aon naomha? cha bhàsaich sinne. O Iehobhah, dh’ orduich thu iadsan air son breitheanuis; agus, O Dhe chumhachdaich, dhaighnich thu iad airson smachdachaidh. 13 Tha do shùile ni ’s glaine na gu seall thu air olc, is cha ’n fheud thu amharc air aingeachd: com’ am bheil thu ’g amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantuinn a’ d’ thosd an uair tha ’n t-aingidh a’ slugadh a suas an duine ’s ionraice na e fein? 14 Agus com’ am bheil thu deanamh dhaoine mar iasga na fairge, mar na nithe snàgach aig nach ’eil aon fhear-riaghlaidh os an cionn? 15 Tha iad ’gan togail a suas uile leis an dubhan; tha iad ’gan [TD 339] HABACUC. CAIB. II. glacadh ’nan lion, agus ’gan cruinneachadh ’nan eangaich; uime sin tha iad aoibhneach agus ait. 16 Air an aobhar sin tha iad ag iobradh d’ an lion, is a’ losgadh tùise d’an eangaich: a chionn leo sin gu bheil an cuibhrionn reamhar, agus an lòn saibhir. 17 An dean iad air an aobhar sin an lion falamh, agus nach coigil iad a bhi sior-mharbhadh nan cinneach? CAIB. II. SEASAIDH mi air m’fhaire, ’s cuiridh mi mi fein air an tùr, agus feuchaidh mi ciod a their e rium, agus ciod a fhreagras e chum mo theagasg. 2 Agus fhreagair Iehobhah mi, ag radh; Sgriobh an fhàisneachd, is dean soilleir i air clàraibh, air chor as gu feud esan ruith a leughas i. 3 Oir tha ’n fhàisneachd fathasd air son aimsir shonraichte, ach air a’cheann mu dheire labhraidh i, ’s cha dean i breug: ge do dhean i maille, feith rithe; oir esan a ta ri teachd thig e, agus cha dean e maille. 4 Feuch, cha ’n ’eil anam-san a ’ta air a thogail a suas, ceart an taobh a stigh dheth: ach mairidh am firean beo le creideamh. 5 Seadh fòs, mar dhuine theid as an rathad le fion, tha e uaibhreach, is cha ’n ’eil e gabhail fois; a’ meudachadh a chiocrais mar an uaigh; agus mar am bàs, cha’n fheudar a shasuchadh; agus tha e cruinnicheadh chuige nan uile chinneach, is a’tional dha fein nan uile shluagh. 6 Nach tog iad so uile suas cosalachd ’na aghaidh, is gnath-fhocal tàmailteach m’ a thimchioll? ag radh, Is truagh dha-san a mheudaicheas an ni nach leis fein! cia fhad? agus dha-san a luchdaicheas e fein le crè thiugh. 7 Nach eirich gu grad a suas iadsan a theumas tu; agus nach dùisg iadsan a chuireas dragh ort? is nach bi thusa dhoibh mar chobhartach? 8 A chionn gu do chreach thu moran chinneach, creachaidh uile iarmad nan cinneach thusa: air son fala dhaoine, agus sàruchaidh an fhearainn, na caithreach, is a h-uile luchd-àiteachaidh. 9 Mo thruaighe esan a ta sanntachadh droch-shainnt d’a thigh; a chum a nead a shuidheachadh gu h-ard; gu e fein a shaoradh o chumhachd amhghair. 10 Dhealbh thu nàire do d’ thigh, le moran shluagh a ghearradh as; agus pheacaich thu’n aghaidh d’anama fein. 11 Oir glaodhaidh a’ chlach a mach as a’ bhalladh; is freagraidh an t-sail as an fhiodh i: 12 Is mairg dhasan a thogas baile le fuil, agus a dhaighnicheas caithir le aingeachd. 13 Feuch, nach ann o Iehobhah Dia nan sluagh a ta so, gu saothairicheadh daoine air son an teine, agus gu sgìthicheadh slòigh iad fein air son ni faoin? 14 Gu cinnteach lionar an talamh le eolas gloire Iehobhah, mar a ta na h-uisgeachan a’ comhdachadh na fairge. 15 Is mairg dhasan a tha toirt air a choimhearsnach òl, a ta cur ris a chopain, is ’ga chur air mhisg mar an ceudna, chum gun amhairceadh e air a lomnochduiche. [TD 340] HABACUC. CAIB. III. 16 Tha thu air do lionadh le nàire ’n àite gloire: òl thusa fòs, agus biodh do roimh-chraicionn air a leigeadh ris: riut-sa pillear cupan laimhe deise Iehobhah; agus bidh sgeith nàrach air do ghlòir. 17 Oir ni ain-neart Lebanoin do chomhdachadh, is cuiridh sgrios ainmhidhean eagal ort; air son fala dhaoine, ’s air son sàruchaidh an fhearainn, na caithreach, is a h-uile luchd-àiteachaidh. 18 Ciod an tairbhe tha san iomhaigh shnaighte, gu d’ rinn am fear a rinn i a snaigheadh: san iomhaigh leaghta, ’s am fear-teagaisg nam breug, gu’n earbadh fear-deanaidh na h-oibre so aisde, a dheanamh dha fein iodhola balbha? 19 Is truagh dhasan a deir ris an fhiodh, Dùisg: ris a’chloich bhailbh, Eirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a cur thairis le h-òr agus airgiod; is cha’n ’eil anail air bith an taobh a stigh dhi. 20 Ach tha Iehobhah ’na theampull naomha: bi d’ thosd ’na fhianuis, O thalaimh uile. CAIB. III. URNAIGH Habacuc an fhàidh air Sigionot. 2 O Iehobhah, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Iehobhah, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dean aithnichte; ann an corruich cuimhnich trocair. 3 Dia thainig o Heman, agus an Ti naomha o shliabh Pharain. Selah. Chomhdaich a ghloir na neamha, agus bha an talamh làn d’a chliu. 4 Agus bha a shoilleireachd mar a’ghrian; o a laimh [shruth] dearsanna soluis; agus an sin bha àite-folaich a mhòrachd. 5 Air thoiseach air chaidh a’ phlaigh; is chaidh eibhle teine mach o chasaibh. 6 Sheas e agus thomhais e’n talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a cheile, ’s bha na sleibhte siorruith air am bristeadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe mairtheannach. 7 Chunnaic mi pailliunna Chusain ann an dunaigh: chriothnaich brat-sgàile fearainn Mhidiain. 8 An robh corruich air Iehobhah ris na tuiltean? an robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? an robh do chorruich an aghaidh na fairge, gu do mharcaich thu air d’ eachaibh, agus air do charbadaibh slainte? 9 Rinneadh do bhogha glan-ruisgte, do reir nam mionn do na treabhaibh, [eadhon] d’ fhocail. Selah. Sgoilt thu sruithean na talmhainn. 10 Chunnaic na sleibhtean thu agus chroithnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t-aigein a mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan. 11 Sheas a’ ghrian agus a’ ghealach ’nan àite: ’nan solus shiubhail do shaighdean; ’nan dealradh, do shleaghan liomhaidh. 12 Dh’ imich thu trìd an fhearainn ann am feirg, bhuail thu na cinnich ann an corruich. 13 Chaidh thu mach air son [TD 341] SEPHANIAH. CAIB. I. tearnaidh do shluaigh, air son tearnaidh do mhuinntir ungta: bhuail thu ’n ceann o thigh an aingidh; leig thu ris na bunaite gu ruig a’ charraig. Selah. 14 Bhuail thu le d’ shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a mach mar chuairt-ghaoith gu ar sgapadh: bha an gairdeachas, mar gu sluigeadh iad am bochd gu h-uaigneach. 15 Choisich thusa trìd na fairge le d’ eachaibh; trìd cruinneachaidh nan uisgeacha mora. 16 Tra chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilidh air chrith ro d’ ghuth: chaidh lobhadh a steach ann am chnàmhaibh, agus chroithnaich mi ann am àite; a chum gu biodh fois agam ann an là an amhghair: tra theid e suas an aghaidh an t-sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le bhuidhnichibh. 17 Ge nach toir an crann-fìge uaith blàth, is ge nach fàs air an fhineamhuin cinneas; ge d’ fhàilnich meas a’ chrainn-ola, ’s ge nach d’ thoir na machraichean uatha toradh; ge d’ghearrar an treud a mach o’n mhainnir, is ge nach bi buar air bith air na buailtibh; 18 Gidheadh ni mise gairdcachas ann an Iehobhah, ni mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte. 19 Is e ’n Tighearna Iehobhah mo neart, is ni e mo chasan mar [chasaibh] éilde, ’s bheir e orm coiseachd air m’ ionadaibh arda. Do’n ard fhear-chiuil air m’innealaibh teudach. SEPHANIAH. CAIB. I. FOCAL Iehobhah a thainig gu Sephaniah mac Chusi, mhic Ghedaliah, mhic Amariah, mhic Hisciah, ann an làithibh Iosiah, mhic Amoin, righ Iudah. 2 Sgriosaidh mise gu tur na h-uile nithe bharr aghaidh an fhearainn, arsa Iehobhah. 3 Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh: sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus iasga na fairge, ’s cip-thuislidh nan aingidh: agus gearraidh mi mach an duine bharr aghaidh an fhearainn, arsa Iehobhah. 4 Sìnidh mi fòs a mach mo làmh air Iudah, ’s air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, is gearraidh mi as fuigheall Bhaail o’n àite so; ainm an luchd-iobraidh maille ris na sagairt; 5 Agus iadsan a ta ’g aoradh do fheachd neimh air mhullach nan tighean; agus iadsan a ta ’g aoradh, [agus] a’mionnachadh air Iehobhah, agus fòs a’mionnachadh air Malcham; 6 Agus iadsan a phill air an ais o Iehobhah, agus iadsan nach d’iarr Iehobhah, ’s nach mò dh’ fhiosraich dheth. 7 Bithibh tosdach an làthair [TD 342] SEPHANIAH. CAIB. II. an Tighearna Iehobhah, oir tha là Iehobhah dlù; oir dh’ ulmhaich Iehobhah iobairt, ghairm e aoidhean. 8 Agus tarlaidh ann an là iobairte Iehobhah, gu smachduich mise na prionnsachan, agus clann nan righrean, is na h-uile ta air an éideadh là culaidh choimhich. 9 Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile ta leum air an stairsnich, a ta lionadh tighean am maighstirean le ain-neart is le ceilg. 10 Agus tarlaidh air an là sin, arsa Iehobhah, gu bi fuaim éighich o Gheata ’n éisg, agus ulartaich o’n Dara [baile,] agus bruanadh mor o na cnocaibh; 11 Ard-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha’ n luchd-malairt gu h-iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giulain an airgid air am milleadh. 12 Agus tarlaidh, anns an am sin, gu rannsuich mise Ierusalem le coinnlibh, agus smachdaichidh mi na daoine ta socair air an deasgainibh; a ta ’g radh ’nan cridhe, Cha dean Iehobhah maith, ni mò ni e olc. 13 Air an aobhar sin bidh am maoin ’na chobhartach, agus an tighean ’nam fàsaich: agus togaidh iad tighean, ach cha ’n àitich iad; agus suidhichidh iad fion-liosan, ach cha ’n òl iad am fion. 14 Tha latha mor Iehobhah dlù, tha e dlù, agus a’ deifreachadh gu mor: tha iomradh là Iehobhah searbh: guilidh an sin an cumhachdach. 15 Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus leir-sgrios; là dorchadais agus ogluidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais; 16 Là trompaid agus iolaich, an aghaidh nam bailtean daighnichte, ’s an aghaidh nan tùr arda. 17 Agus bheir mise airc air daoine, ionus gu siubhail iad mar dhaill, a chionn gu do pheacaich iad an aghaidh Iehobhah: agus dòirtear a mach am fuil mar dhuslach, agus am feoil mar aolach. 18 Ni mò dh’fheudas an airgiod no ’n òr an saoradh ann an là feirge Iehobhah; ach le teine eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhin leir-sgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre. CAIB. II. CRUINNICHIBH sibh fein le cheile, seadh cruinnichibh le cheile, O fhineadh gun iarruidh: 2 Mu’n d’thig an t-ordugh gu buil, gu siubhail ’ur là seachad mar mholl; mu’n d’thig corruich gharg Iehobhah oirbh, mu’n glac là feirge Iehobhah sibh. 3 Iarruibhse Iehobhah, uile dhaoine ciuine na talmhainn, a dh’ oibrich a bhreitheanas; iarruibh fireantachd, iarruibh macantachd: feudaidh e bith gu tearnar sibhse ann an là feirge Iehobhah. 4 Gu dearbh treigear Gasa, ’s cuirear fàs Ascelon: fògraidh iad a mach Asdod air mheadhon là: ’s bidh Ecron air a spionadh a freumh. 5 Mo thruaighe luchd-àiteachaidh sliosa na fairge, cinneach nan Cereteach: tha focal an Tighearna ’nur n-aghaidh. O [TD 343] SEPHANIAH. CAIB. III. Chananin, a thìr nam Pilisteach, sgriosaidh mise thu ionus nach bi aon ’ga d’ àiteachadh. 6 Agus bidh [Cherit,] taobh na fairge, ’na bhothanaibh aig buachaillean, is ’na mhànraichibh aig treudan. 7 Agus bidh an slios aig iarmad tighe Iudah, ionaltraidh iad air; ann an tighibh Asceloin luidhidh iad a sios anns an anmoch: oir thig Iehobhah an Dia d’ an amharc, is bheir e air an ais am braighdean. 8 Chuala mise masladh Mhoaib, is ana-cainnt cloinne Amoin, leis an d’ rinn iad mo shluagh-sa mhaslachadh, agus iad-fein a mheudachadh an aghaidh an criochan. 9 Air an aobhar sin, mar is beo mise, deir Iehobhah Dia nan sluagh, Dia Israeil; gu deimhin bidh Moab mar Shodom, agus clann Amoin mar Ghomorrah, ’na fhàsaich ionntagach, is ’na phuill shaluinn, agus ’na leir-sgrios siorruith; ni fuigheall mo shluaigh-sa an creachadh, is iarmad mo chinnich an sealbhachadh. 10 So gheibh iad air son an uabhair, a chionn gu d’ thug iad masladh, is gu do mheudaich iad iad fein an aghaidh cinnich Iehobhah Dhia nan sluagh. 11 Bidh Iehobhah uabhasach ’nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhéibh nn talmhainn; agus bheir iad aoradh dha-san, gach aon o àite fein, eadhon uile eileana nan cinneach. 12 Sibhse, Etiopacha, mar na ceudna, marbhar sibh fein leis a’ chlaidheamh. 13 Agus sìnidh e mach a làmh an aghaidh na h-airde tuath, agus sgriosaidh e Asiria, agus ni e Ninebheh ’na làraich luim, tioram mar an fhàsach. 14 Agus luidhidh treudan a sios ’na meadhon, uile bheathaiche na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a’ ghràineag tàmh ’na h-ard-dhoruis: bidh fuaim mhic-thallaidh ’na h-uinneagaibh; bidh am fitheach anns an sgà-thigh: oir leigidh esan ris a h-obair sheudair. 15 So a’ chaithir luaghaireach a ghabh comhnuidh gu tearuinte; a thubhairt ’na cridhe, Tha mi, ’s cha ’n ’eil ann ach mi. Cionnus a dh’ fhàs i ’na fàsaich, ’na h-àite air son bheathaichean gu luidhe sios ann! sgeigidh gach aon a theid seachad orra, crathaidh e a lamh. CAIB. III. IS deacair dhise ta ceannairceach agus truaillte, do ’n chaithir a ta ri sàruchadh. 2 Cha d’ thug i geill do ’n ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’ earb i as an Tighearna: cha do tharruing i dlù d’ a Dia. 3 Tha a prionnsachan an taobh astigh dhi ’nan leomhainn bheucach; is madaidh-alluidh an anmoich a breitheachan, cha ’n fheith iad gus a’ mhadainn. 4 Is daoine eatrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagairt an t-ionad naomha, bhrist iad an reachd. 5 [Ach] tha Iehobhah cothromach ’na meadhon: cha dean esan ea-ceairt: gach madainn bheir e bhreitheanas gu solus, cha ’n fhàilnich e: ach cha ’n ’eil eolas aig an ea-corach air nàire. [TD 344] SEPHANIAH. CAIB. III. 6 Ghearr mi as na cinnich: tha an tùir uaigneach, rinn mi fàs an sràidean, air chor as nach ’eil aon ’gan imeachd: tha am bailtean air an sgrios, gun duine sam bith annta, gun aon neach ’gan àiteachadh. 7 Thubhairt mi, Gu deimhin bidh m’ eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite-comhnuidh air a ghearradh as, cionnus air bith a smachduichinn iad: ach dh’ eirich iad gu moch, is thruaill iad an uile dheanadas. 8 Uime sin feithibhse riumsa, arsa Iehobhah, gus an là san eirich mi suas a chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rioghachdan a tharruing le cheile; a dhòrtadh orra mo chorruiche, uile theas m’ fheirge: oir loisgear an talamh gu h-iomlan le teine m’eud-sa. 9 Gu deimhin dòirtidh mi ’n sin a mach air na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu leir air ainm Iehobhah, gu seirbheis a dheanamh dha le aon rùn. 10 O thaobh thall aibhnichean Etiopia, bheir mo luchd-achuinge, am measg mo mhuinntir sgapta, chugam tabhartas. 11 Anns an là sin cha nàraichear thu air son d’ uile dheanadais, leis an do chionntaich thu ann am aghaidh-sa: oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a ta ri gairdeachas ann ad uabhar; is cha ’n arduich thu ni’s mò thu fein ann am shliabh naomh-sa. 12 Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh claoidhte, macanta, agus iriosal; agus cuiridh iad an dochas ann an ainm Iehobhah. 13 Iarmad Israeil cha dean aingeachd, ni mò labhras iad breugan: ni mò gheibhear teanga chealgach ’nam beul. Oir ionaltraidh agus luidhidh iad asios, agus cha chuir aon neach eagal orra. 14 Seinn, O a nighean Shioin, tog iolach, O Israeil; bi ait agus dean gairdeachas le d’ uile chridhe, O a nighean Ierusaleim. 15 Thug Iehobhah air falbh do breitheanais; phill Righ Israeil air falbh do naimhdean: tha Iehobhah ann ad mheadhon: cha ’n fhaic thu olc ni ’s mò. 16 Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; [agus ri] Sion, Na biodh do lamh lag. 17 Bidh Iehobhah do Dhia ann ad mheadhon; ni an t-Aon cumhachdach do thearnadh; ni e gairdeachas os do chionn le luaghair; ath-nuadhaichidh e a ghradh; ni e gairdeachas os do chionn le seinn, mar anns an ard-cho-thional. 18 Bheir mi air falbh iadsan a chuir dragh ort, siubhlaidh iad uait, cha toir iad ni ’s mò dhuit masladh. 19 Feuch, millidh mise d’ uile luchd-sàruchaidh anns an am sin, agus leighisidh mi ise ta bacach, is cruinnichidh mi ise bha sgaoilte, agus gheibh mi dhoibh cliu agus deagh-iomradh anns gach aon tìr, anns an d’ fhuair iad nàire. 20 Anns an am sin bheir mi air ’ur n-ais sibh; agus anns an am san cruinnich mi sibh, bheir mi gun amharus dhuibh ainm [TD 345] HAGAI. CAIB. I. agus cliu ann am measg uile chinneacha na talmhainn, an uair a philleas mi air a h-ais ’ur bruid fa chomhair an sùl-san, arsa Iehobhah. HAGAI. CAIB. I. ANN an dara bliadhna Dhariuis an righ, anns an t-seathamh mios, air a’ cheud là do ’n mhios, thainig focal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iudah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t-ard-shagart, ag radh; 2 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, ag radh, Thuirt an sluagh so, Cha d’ thainig an t-am, gu tigh Iehobhah a thogail. 3 Ach thainig focal Iehobhah le Hagai am fàidh, ag radh; 4 An am dhuibhse, O sibhse, comhnuidh ghabhail ’nur tighibh maiseach, agus an tigh so ’na fhàsaich? 5 A nis ma ta mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Thugaibh fanear ’ur sligheachan. 6 Chuir sibh moran, agus is beag a thug sibh a steach; tha sibh ag itheadh, ach cha ’n ’eil gu leor agaibh: tha sibh ag òl, ach cha ’n ’eil sibh sàthach: tha sibh ga’r n-eideadh, ach cha’n ’eil aon neach blàth: agus esan ata cosnadh tuarasdail, tha e’ga chosnadh gu chur ann an sporan tolltach. 7 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Thugaibh fanear ’ur sligheachan. 8 Rachaibh asuas a chum an t-sleibhe, ’s thugaibh leibh fiodh, agus togaibh an tigh; agus gabhaidh mise tlachd ann, is bidh mi air mo ghlòrachadh, arsa Iehobhah. 9 Bha suil agaibh ri moran, is feuch [thainig e] gu beagan; agus, ’nuair a thug sibh dhathigh e, shéid mise air. C’arson? arsa Iehobhah Dia nan sluagh, Air son mo thighe ta fàs, agus sibhse a’ ruith gach duine gu thigh fein. 10 Air an aobhar sin chum na neamha os ’ur cionn air ais an drùchd, is ghleidh an talamh a thoradh. 11 Agus ghairm mise tart air an fhearann, is air na sleibhtean, is air an arbhar, is air an fhion nuadh, agus air an ola; agus air gach ni bheir an talamh a mach; agus air duine, agus air ainmhidh; agus air uile shaothair nan lamh. 12 An sin thug Serubabel mac Shaeltieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t-ard-shagart, leis a’ chuid eile do ’n t-sluagh uile, geill do ghuth Iehobhah an Dia, agus do bhriathraibh Hagai an fhàidh, (mar a chuir Iehobhah an Dia fios leis;) agus bha eagal air an t-sluagh ann am fianuis Iehobhah. 13 An sin labhair Hagai teachd- [TD 346] HAGAI. CAIB. II. aire Iehobhah, ris an t-sluagh, ag radh; Tha mise leibh, deir Iehobhah. 14 Agus dhùisg Iehobhah spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdarain Iudah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an ard-shagairt, agus spiorad na cuid eile do ’n t-sluagh uile, agus thainig iad, is rinn iad obair ann an tigh Thighearna nan sluagh, an Dia: 15 Air a’ cheathramh là fichead do ’n t-seathamh mios, ann an dara bliadhna Dhariuis an righ. CAIB. II. ANNS an t-seachdamh [mios,] air an aon là fichead do ’n mhios, thainig focal Iehobhah leis an fhàidh Hagai, ag radh; 2 Labhair a nis ri Serubabel, mac Shealtieil, uachdaran Iudah; agus ri Iosuah mac Iosedeich an t-ard-shagart; agus ris a’ chuid eile do ’n t-sluagh, ag radh, 3 Cò ta air fhàgail ’nur measg a chunnaic an tigh so ’na cheud ghloir? agus cionnus a tha sibh ’ga fhaicinn a nis? nach ’eil e ’nur sùilibh, laimh ris sin, mar neo-ni? 4 Gidheadh a nis bi làidir, O Sherubabeil, arsa Iehobhah; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, ard-shagairt, agus bithibhse laidir, uile shluagh an fhearainn, arsa Iehobhah; agus deanuibh obair: oir tha mise leibh, arsa Iehobhah Dia nan sluagh; 5 Do reir an fhocail a dhaighnich mi ruibh tra thainig sibh a mach as an Eiphit, agus tha mo spiorad a’ fantuinn ’nur measg: na biodh eagal oirbh. 6 Oir mar so deir Iehobha Dia nan sluagh; Fathasd aon uair, ann an ùine bhig, crathaidh mise na neamha, agus an talamh, agus an fhairge, agus am fearann tioram: 7 Agus crathaidh mi na h-uile chinnich, agus thig miann nan uile chinneach, agus lionaidh mi an tigh so le glòir, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 8 Is leamsa an t-airgiod, agus is leamsa an t-òr, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 9 Bidh gloir an tighe dheireannaich so ni ’s mò na gloir a’ cheud thighe, arsa Iehobhah Dia nan sluagh: agus anns an àite so bheir mise sìth, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 10 ¶ Air a’ cheathramh là fichead do ’n naothamh mios, ann an dara bliadhna Dhariuis, thainig focal Iehobhah le Hagai am fàidh, ag radh; 11 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Feoraich a nis do na sagartaibh, mu ’n reachd, ag radh, 12 Ma ghiulaineas aon feoil naomh ann an sgiobul a thrusgain, agus gu bean a thrusgan ri aran, no brochan, no fion, no ola, no biadh sam bith, am bi sin naomha? Agus fhreagair na sagairt, is thubhairt iad, Cha bhi. 13 An sin thuirt Hagai, Ma bheanas aon a ta neo-ghlan le corp marbh ri aon air bith do na nithe so, am bi sin neo-ghlan? Agus fhreagair na sagairt, is thubhairt iad, Bithidh e neo-ghlan. 14 An sin fhreagair Hagai, agus thubhairt e, Is amhuil a bha an sluagh so, agus is amhuil a [TD 347] SECHARIAH. CAIB. I. bha an cinneach so ann am lathair-sa, deir Iehobhah; agus is amhuil a bha uile obair an lamh; agus an tabhartas a thug iad seachad an sin bha e neo-ghlan. 15 Agus a nis, guidheam oirbh, thugaibh fanear; o ’n là an diugh agus o sin a suas, mu ’n do leagadh clach air cloich ann an teampull Iehobhah, cionnus a bha sibh? 16 Tra thainig aon gu cruaich fhichead [tomhas,] cha robh ann ach deich: tra thainig aon gu amar-bruthaidh an fhiona gu leth-cheud [soitheach] a tharruing a mach as an amar, cha robh ann ach fichead. 17 Bhuail mi sibh le seargadh is le fuar-dhealt, is le cloich-mheallain, ann an uile shaothair ’ur làmh; gidheadh cha do [phill] sibh riumsa, deir Iehobhah. 18 Thugaibh fanear a nis o ’n là an diugh, agus o sin asuas, o ’n cheathramh là fichead do ’n naothamh [mios, agus] o ’n là san do leagadh bunaite teampuill Iehobhah; thugaibh fanear e. 19 Am bheil siol fathasd anns an t-sabhal? seadh gu ruige so, cha d’ thug an fhineamhuin, no a’ chraobh-fhìge, no a’ phomgranat, no an crann-ola seachad toradh. [Ach] o ’n là so mach beannuichidh mise. 20 ¶ Agus thainig focal Iehobhah a rìs gu Hagai, air a’ cheathramh [là] fichead do ’n mhios, ag radh; 21 Labhair ri Serubabel uachdaran Iudah, ag radh; Crathaidh mise na neamha, agus an talamh; 22 Agus tilgidh mi cathair rioghachdan bun os cionn, agus sgriosaidh mi neart rioghachdan nan cinneach, agus tilgidh mi bun os cionn na carbaid, agus iadsan a ta ’gam marcachd, is thig na h-eich agus am marcaichean anuas, gach aon le claidheamh a bhrathar. 23 Anns an là sin, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, gabhaidh mi thusa, O Sherubabeil, a mhic Shealtiel, m’ oglach, arsa Iehobhah, agus ni mi thu mar sheula; oir roghnaich mise thu, arsa Tighearna nan sluagh. SECHARIAH. CAIB. I. ANNS an ochdamh mios, ann an dara bliadhna Dhariuis, thainig focal Iehobhah gu Sechariah mac Bharachiah, mhic Ido an fhàidh, ag radh; 2 Bha corruich ro-mhor air Iehobhah ri ’r n-aithrichibh: 3 Ach abair thusa riu, Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Pillibhse riumsa, deir Iehobhah Dia nan sluagh; agus pillidh mise ruibh-se, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 4 Na bithibh mar ’ur n-aithrichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bh’ ann roimhe so [TD 348] SECHARIAH. CAIB. I. ag radh; Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Pillibhse nis o ’r droch shlighibh, agus o ’r droch dheanadais. Ach cha d’ eisd iad, ni mò thug iad aire dhomhsa, deir Iehobhah. 5 ’Ur n-aithrichean, c’ àit am bheil iad? agus na fàidhean, am mair iadsan beo am feasd? 6 Ach mo bhriathran-sa agus mo reachdan, a dh’ àithn mi do m’ òglaich na fàidhean, nach d’ rinn iad greim air ’ur n-aithrichean? agus nach dubhairt iad, Amhuil a bha ’n aire Iehobhah Dhia nan sluagh a dheanamh ruinne, do reir ar sligheachan agus do reir ar deanadais, mar sin rinn e ruinn? 7 ¶ Air a’cheathramh là fichead do ’n aona mhios deug, (sin am mios Sebat,) ann an dara bliadhna Dhariuis, thainig focal Iehobhah gu Sechariah, mac Bharachiah, mhic Ido an fhàidh; agus thubhairt e; 8 Chunnaic mise san oidhche, ’s feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e measg nan craobha-miortail, a bha sa’ ghleann, agus air a chùl-thaobh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna. 9 An sin thubhairt mi, Ciod iad so, O mo thighearna? Agus thuirt an t-aingeal a labhair rium, Feuchaidh mise dhuit ciod iad so. 10 Agus fhreagair am fear a bha ’na sheasamh am measg nan craobha-miortail agus thubhairt e, So iadsan a chuir Iehobhah gu siubhal a sios agus a suas air feadh na talmhainn. 11 Agus fhreagair iad aingeal Iehobhah, a sheas am measg nan crobha-miortail, agus thubhairt iad, Shiubhail sinne nios agus asios air feadh na talmhainn, agus feuch, tha an talamh uile ’na thàmh agus a’ gabhail fois. 12 An sin fhreagair aingeal Iehobhah, agus thubhairt e; O Iehobhah Dhia nan sluagh, cia fhada bhios tu gun trocair a dheanamh air Ierusalem, agus air bailtean Iudah, ris am bheil thu ann an corruich a nis deich agus trì fichead bliadhna? 13 Agus fhreagair Iehobhah an t-aingeal a labhair riumsa, le briathraibh maith, le briathraibh solasach. 14 Mar sin thuirt an t-aingeal a bha labhairt rium, Glaodh thusa, ag radh; Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Tha mise eudmhor air son Ierusaleim, agus air son Shioin le eud mor: 15 Agus tha mi ann an corruich ro-mhoir ris na cinnich a ta suaimhneach: oir cha robh ormsa ach corruich bheag, is chuidich iadsan air a h-aghaidh an dòrainn. 16 Air an aobhar sin mar so deir Iehobhah; Phill mi ri Ierusalem le trocairibh: bithidh mo thigh air a thogail ann, arsa Iehobhah Dia nan sluagh; is bidh sreang-thomhais air a sgaoileadh a mach air Ierusalem. 17 Glaodh fathasd, ag radh, Mar so deir Iebobhah Dia nan sluagh, Bidh mo bhailtean-sa fathasd air an sgaoileadh a mach le soirbheachadh, is bheir Iehobhah fathasd co-fhurtachd do Shion, is roghnaichidh e fathasd Ierusalem. 18 An sin thog mi suas mo shùilean, is chunnaic mi; agus feuch, ceathair adhaircean. 19 Agus thuirt mi ris an [TD 349] SECHARIAH. CAIB. II. III. aingeal a bha labhairt rium, Ciod iad so? Agus fhreagair esan mi, Is iad so na h-adhaircean a sgap Iudah, Israel, agus Ierusalem. 20 Agus dh’ fheuch Iehobhah dhomh ceathair fir-cheairde. 21 An sin thubhairt mi, Ciod a thainig iad so gu dheanamh? Agus labhair esan, ag radh; Is iad so na h-adhaircean a sgap Iudah, ionus nach do thog aon duine suas a cheann: ach thainig iad so chum eagal a chur orra, a thilgeadh a mach adharca nan cinneach a thog suas an adharc an aghaidh fearainn Iudah, chum a sgapadh. CAIB. II. THOG mi suas mo shuilean a rìs, is dh’ amhairc mi; agus feuch, fear le sreing-thomhais ’na laimh. 2 An sin thuirt mise, C’àit am bheil thu dol? Agus thuirt e rium, A thomhas Ierusaleim, a dh’ fheuchainn ciod e a leud, agus ciod e a fad. 3 Agus feuch, chaidh an t-aingeal a labhair rium a mach, agus chaidh aingeal eile mach ’na chòdhail, 4 Agus thuirt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag radh; Bidh Ierusalem air a h-àiteachadh [mar] bhailtean gun bhallachan, le lionmhoireachd nan daoine ’s na spréidhe bhios innte. 5 Oir bidh mise, deir Iehobhah, ann am bhalla teine dhi mu’n cuairt, is bidh mi ann am ghloir ’na meadhon. 6 Ho! Ho! [thigibh,] agus teichibh o’n tìr mu thuath, arsa Iehobhah; oir ri ceathair ghaothan an adhair sgaoil mise sibh a mach, arsa Iehobhah. 7 Ho! a Shioin, teich, O thusa ta chomhnuidh maille ri nighin Bhabiloin. 8 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Air tòir na glòire so chuir e mise chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an ti bheanas ruibhse, beanaidh e ri cloich a shùl-san. 9 Oir feuch, crathaidh mise mo lamh orra, ’s bidh iad ’nan cobhartach d’an traillibh: agus aithnichidh sibhse gu do chuir Iehobhah Dia nan sluagh sios leamsa. 10 Seinn agus dean gairdeachas, O a nighean Shioin; oir feuch, tha mise a’ teachd, is gabhaidh mi comhnuidh ann ad mheadhon, deir Iehobhah. 11 Agus bidh moran chinneach air an cur ri Iehobhah san là sin, is bidh iad ’nan sluagh dhomhsa: agus gabhaidh mise comhnuidh ann ad mheadhon, is bidh fios agad gu do chuir Iehobhah Dia nan sluagh mise chugad. 12 Agus sealbhaichidh Iehobhah Iudah, a chuibhrionn, anns an fhearann naomha, agus roghnaichidh e a rìs Ierusalem. 13 Bi tosdach, O uile fheoil, an lathair Iehobhah: oir tha e air a thogail a suas o ionad-comhnuidh naomha. CAIB. III. AGUS thaisbein e dhomh Iosuah an t-ard-shagart, ’na sheasamh an làthair aingeil Iehobhah; agus Satan ’na sheasamh aig a laimh dheis, gu cur ’na aghaidh. 2 Agus thuirt [aingeal] Ie- [TD 350] SECHARIAH. CAIB. IV. hobhah ri Satan, Gu deanadh Iehobhah do chronachadh, O Shatain; gu deanadh eadhon Iehobhah, a roghnaich Ierusalem, do chronachadh: nach aithinne e so air a spìonadh as an teine? 3 A nis bha Iosuah air éideadh le h-eudach broineagach, agus sheas e fa chomhair an aingeil. 4 Agus fhreagair esan, agus labhair e riu-san a sheas ’na lathair, ag radh, Thugaibh dheth an t-eudach broineagach. Agus risan thubhairt e, Feuch, thug mi air d-aingeachd imeachd uait, agus éididh mi thu le culaidh mhaisich. 5 Agus thubhairt e; Cuireadh iad ceann-eudach maiseach air a cheann: agus dh’éid iad e le falluingibh; agus sheas aingeal an Tighearna leo. 6 Agus dhearbh aingeal an Tighearna do Iosuah, ag radh, 7 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighibh-sa, agus ma choimhideas tu mo reachd; an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhuit àiteacha coiseachd am measg na muinntir so ’nan seasamh leat. 8 Eisd a nis, O Iosuah ard-shagairt, thu fein agus do chompanaich ata ’nan suidhe fa d’chomhair: oir is daoine tha ’nan samhladh iad: oir feuch, bheir mise mach m’òglach, Am MEANGAN. 9 Oir feuch, a’ chlach a leag mise fa chomhair Iosuah: air aona chloich tha seachd sùilean, Feuch, gearraidh mise a gearradh, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, agus atharruichidh mi aingeachd an fhearainn so ann an aon latha. 10 Anns an là sin, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, gairmidh sibh gach fear a coimhearsnach fo ’n fhineamhuin, agus fo’n chrann-fhìge. CAIB. IV. AGUS thainig an t-aingeal a labhair rium a rìs, agus dhùisg e mi, mar dhuine air a dhùsgadh as a chadal. 2 Agus thuirt e rium, Ciod a tha thu faicinn? Agus thuirt mise, Dh’amhairc mi, agus feuch, coinnleir uile do òr, le chopan air a mhullach, agus a sheachd lòchdrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a ta air a mhullach: 3 Agus da chrann-ola laimh ris, aon air taobh deas a’ chopain, agus aon air a thaobh clì. 4 An sin fhreagair mise ’s labhair mi ris an aingeal a bha ri comhradh rium, ag radh; Ciod iad so, mo thighearna? 5 Agus fhreagair an t-aingeal a bha labhairt rium, agus thubhairt e rium, Nach ’eil fios agad ciod iad so? Agus thuirt mise, Cha ’n ’eil, mo thighearna. 6 An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag radh, Is e so focal Iehobhah ri Serubabel, ag radh; Cha ’n ann le neart, no le cumhachd, ach le m’ spiorad-sa; arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 7 Cò thusa, O shleibh mhoir? roimh Sherubabel [fàsaidh tu a’ d’] chomhnard, agus bheir e mach a chlach-chinn le h-iolaich, [a’ glaodhach,] Gràs, gràs gu robh dhi. 8 Os barr, thainig focal Ie- [TD 351] SECHARIAH. CAIB. V. hobhah do m’ ionnsuidh-sa, ag radh; 9 Leag lamhan Sherubabeil stéidh an tighe so, ni a lamhan fòs a chriochnachadh; agus bidh fios agaibh gu do chuir Iehobhah Dia nan sluagh mise do ’r n-ionnsuidh. 10 Oir cò rinn di-meas air là nan nithe beaga? ni eadhon iadsan gairdeachas, agus chi iad an t-sreang-thomhais an laimh Sherubabeil. Is iad an t-seachdnar so sùilean Iehobhah: tha iad a’ ruith a nios agus a sios air feadh na talmhainn uile. 11 An sin fhreagair mise, agus thuirt mi ris; Ciod iad an da chrann-ola so air taobh deas a’ choinnleir, agus air a thaobh cli? 12 Agus fhreagair mi a rìs, agus thuirt mi ris, Ciod iad da gheig nan crann-ola, a ta laimh ris an da fheadan òir, a’taomadh na h-ola asda fein? 13 Agus fhreagair e mi, agus thubhairt e, Nach ’eil fios agad ciod iad so? Agus thuirt mise, Cha ’n ’eil, mo thighearna. 14 An sin thuirt esan, Is iad so an dithis ungta ta ’nan seasamh laimh ri Tighearna na talmhainn uile. CAIB. V. AGUS thog mi suas mo shuilean a rìs, agus dh’ amhairc mi; agus feuch, rola ag itealuich. 2 Agus thuirt esan rium, Ciod a tha thu faicinn? Agus fhreagair mise, tha mi faicinn rola ag itealuich, fichead lamh-choille air fad, agus deich lamha-coille air leud. 3 An sin thuirt e rium, Is e so am mallachd a ta dol a mach air aghaidh an fhearainn uile: oir gearrar a mach as gach aon a ghoideas, d’a reir: agus gearrar a mach as gach aon a mhionnaicheas, d’a reir. 4 Thug mise mach e, deir Iehobhah Dia nan sluagh, agus theid e steach do thigh a’ mheirlich, agus do thigh an ti a ta mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa, agus fanuidh e ann am meadhon a thighe, agus sgriosaidh e, eadar fhiodh is chloich, e. 5 An sin chaidh an t-aingeal a labhair rium a mach, agus thuirt e rium, Tog suas a nis do shuilean, is faic ciod so tha dol a mach. 6 Agus thuirt mise, Ciod e? Agus thuirt esan, So ephah a ta dol a mach. Agus thubhairt e, Is i so an aingeachd anns an fhearann uile. 7 Agus feuch, bha tàlanta luaithe air a thogail suas: agus feuch, bean ’na suidhe ann am meadhon na h-ephah. 8 Agus thubhairt e, Is i so Aingeachd: agus thilg e i ann am meadhon an ephah; agus chuir e ’n cothrom luaithe air a bheul. 9 An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus feuch, thainig a mach dà mhnaoi, agus a’ ghaoth ’nan sgiathaibh; (oir bha sgiathan aca mar sgiathan corra-glaise,) agus thog iad an ephah suas eadar an talamh agus na neamha. 10 An sin thuirt mise ris an aingeal a labhair rium, C’ àit am bheil iad so a’ giulan na h-ephah? 11 Agus thuirt e rium, A thogail tighe dhi ann an tìr Shinair; agus bidh i air a daigh- [TD 352] SECHARIAH. CAIB. VI. VII. neachadh agus air a suidheachadh an sin air a bonn. CAIB. VI. AGUS a rìs thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus feuch, thainig ceathair charbaid a mach o eadar dhà shliabh, agus bu shleibhtean umha na sleibhtean. 2 Ris a’ cheud charbad bha eich ruadha, agus ris an dara carbad eich dhubha, 3 Agus ris an treas carbad eich gheala, agus ris a’ cheathramh carbad eich bhalla-dhearg. 4 An sin fhreagair mi, agus thuirt mi ris an aingeal a bha labhairt rium, Ciod iad so, mo thighearna? 5 Agus fhreagair an t-aingeal, is thuirt e rium, Is iad so ceathair spiorada nan neamha, a ta dol a mach o bhi ’nan seasamh an lathair Thighearna na talmhainn uile. 6 Theid na h-eich dhubha ta ann a mach do ’n tìr mu thuath, agus theid na h-eich gheala mach ’nan deigh; agus theid na h-eich bhalla-dhearg a mach ris an tìr mu dheas. 7 Agus chaidh na h-eich bhalla-dhearg a mach, agus thairg iad imeachd, a chum gu siubhladh iad a nios agus a sios air feadh na talmhainn: agus thubhairt e, Falbhaibh, imichibh a nios agus a sios air feadh na talmhainn. Is amhuil a dh’imich iad a nios agus a sios air feadh na talmhainn. 8 An sin ghairm e orm, is labhair e rium, ag radh; Feuch, iad so a ta ’g imeachd gus an tìr mu thuath, chiuinich iad mo spiorad anns an tìr mu thuath. 9 ¶ Agus thaing focal Iehobhah do m’ionnsuidh, ag radh, 10 Gabh dhiubhsan a ta do ’n bhruid, do [theaghlach] Heldai, agus Thobiah, agus Iedaiah; agus falbhaidh tu air an là cheudna, agus theid thu steach do thigh Iosiah mhic Shephaniah, a phill o Bhabilon. 11 Agus gabhaidh tu airgiod agus òr, is ni thu crùn, agus cuiridh tu e air ceann Iosuah, mhic Iosedeich, an ard-shagairt. 12 Agus labhraidh tu ris, ag radh; Mar so labhair Iehobhah Dia nan sluagh, ag radh; Feuch, an duine d’ an ainm Am MEANGAN; agus fàsaidh e nios as àite, agus togaidh a teampull Iehobhah; 13 Togaidh eadhon esan teampull Iehobhah, agus gheibh e gloir, agus suidhidh e, agus riaghlaichidh e air a rì-chathair; agus bidh e ’na shagart air a rì-chathair, agus bidh comhairle na sìth eatorra araon. 14 Agus bidh crùn aig Heldai, ’s aig Tobiah, ’s aig Iedaiah, ’s aig Iosiah mac Shephaniah; mar chuimhneachan ann an teampull Iehobhah. 15 Agus thig iadsan a ta fad as, agus togaidh iad ann an teampull Iehobhah, agus bidh fios agaibh gu do chuir Iehobhah Dia nan sluagh mise do’r n-ionnsuidh. Agus thig so gu crìch, ma bheir sibh geill gu cùramach do ghuth Iehobhah ’ur Dia. CAIB. VII. AGUS tharladh ann an ceathramh bliadhna Dhariuis, gu d’ thainig focal Iehobhah gu Sechariah air a’ cheath- [TD 353] SECHARIAH. CAIB. VIII. ramh là do ’n naothamh mios, [eadhon] Chisleu; 2 (’Nuair a chuir iad gu tigh Dhia, Seresar, agus Regem-melech, agus an daoine, a dh’ fhiosrachadh an làthair Iehobhah: 3 A labhairt ris na sagairt a bha ’n tigh Iehobhah Dhia nan sluagh, agus ris na fàidhean, ag radh; An dean mi gul anns a’ chuigeamh mios, ’gam dhealuchadh fein, mar a rinn mi ’n iomad bliadhna so? 4 An sin thainig focal Iehobhah Dhia nan sluagh do m’ ionnsuidh-sa, ag radh; 5 Labhair ri uile shluagh an fhearainn, is ris na sagairt, ag radh; ’Nuair a thraisg agus a ghuil sibh anns a’chuigeamh is anns an t-seachdamh [mios,] eadhon na deich agus trì fichead bliadhna so, an do thraisg sibh idir air mo shon-sa, [eadhon] air mo shon-sa? 6 Agus an uair a dh’ ith sibh, is ’nuair a d’h òl sibh, nach d’ith sibh air ’ur son fein, agus nach d’ òl sibh air ’ur son fein? 7 Nach iad so na briathran a dh’ eigh Iehobhah leis na ceud fhàidhibh, tra bha Ierusalem air a h-àiteachadh, agus a’ soirbheachadh, agus a bailtean mu ’n cuairt d’i; agus an taobh deas agus an comhnard air an àiteachadh? 8 An sin thainig focal Iehobhah gu Sechariah, ag radh; 9 Mar so labhair Iehobhah Dia nan sluagh, ag radh; Cuiribh an gniomh ceart bhreitheanas, is nochdaibh trocair agus iochd gach duine d’a bhrathair: 10 Agus a’ bhantrach, no an dilleachdan, an coigreach, no am bochd, na sàruichibh: agus na smaointicheadh, neach air bith agaibh ’nur cridhe, olc an aghaidh a bhrathar. 11 Ach dhiult iadsan eisdeachd, agus tharruing iad a’ ghualadh [o’n chuing,] is dhruid iad an cluasan, a chum nach cluinneadh iad. 12 Seadh rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint, mun cluinneadh iad an lagh, agus na briathran a chuir Iehobhah Dia nan sluagh le a Spiorad leis na fàidhean roimhe so: air an aobhar sin thainig corruich mhor o Iehobhah Dia nan sluagh. 13 Agus thachair, amhuil a ghlaodh mise, agus nach d’ eisd iadsan; mar sin ghlaodh iadsan, agus cha d’ eisd mise; arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 14 Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’ aithne dhoibh: agus bha am fearann fàs ’nan deigh, air chor as nach do shiubhail neach air bith da thrìd, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach ’na fàsaich. CAIB. VIII. AGUS thainig focal Iehobhah Dhia nan sluagh do ’m ionnsuidh-sa, ag radh; 2 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Bha mise eudmhor airson Shioin le eud mor, is bha mi eudmhor air a son le mor-chorruich. 3 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Phill mise gu Sion, is gabhaidh mi comhnuidh ann an Ierusalem, agus goirear ri Ierusalem baile firinne, agus ri sliabh Iehobhah Dhia nan sluagh, sliabh naomha. [TD 354] SECHARIAH. CAIB. VIII. 4 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Gabhaidh sean daoine, agus seana mhnathan comhnuidh fathasd ann an sràidibh Ierusaleim, agus gach duine le a luirg ’na laimh le ro-aois. 5 Agus bidh sràidean a’ bhaile làn do mhacanaibh agus do nìneagaibh, a’ cluicheadh ’na sràidibh? 6 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Ma bhios e iongantach ann an suilibh iarmaid an t-sluaigh-so anns na laithibh-sin, am bi e iongantach ann am shùilibh-se fòs, arsa Iehobhah Dia nan sluagh? 7 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Feuch, saoruidh mise mo shluagh o’n tìr an ear, agus o’n tìr an iar. 8 Agus bheir mi air an ais iad, is gabhaidh iad comhnuidh ann an Ierusaleim, agus bidh iad ’nan sluagh dhomhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhoibhsan, ann am firinn is ann an ceartas. 9 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Biodh ’ur lamhan làidir, sibhse ta cluinntinn anns na làithibh so nam briathran so a beul nam fàidhean, ata san là sam bheil stéidh tighe Iehobhah Dhia nan sluagh ’ga suidheachadh, eadhon an teampuill, a chum gu biodh e air a thogail. 10 Oir roimh na làithean so, cha robh luach-saothaireach air bith aig duine, no luach-saothaireach air bith aig ainmhidh, ni mò bha sìth aig an ti rachadh a mach no thigeadh a steach, leis an teinn; oir chuir mise na h-uile dhaoine, gach aon an aghaidh a choimhearsnaich. 11 Ach a nis cha bhi mi do iarmad an t-sluaigh so mar anns na làithibh roimhe so, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 12 Oir soirbhichidh an siol, bheir an fhineamhuin seachad a meas, is bheir an talamh seachad a thoradh, is bheir na neamha seachad an drùchd; agus bheir mise air iarmad an t-sluaigh so na nithe so gu leir a shealbhachadh. 13 Agus tarlaidh, mar a bha sibh ’nur mallachadh am measg nan cinneach, O thigh Iudah, agus a thigh Israeil, is amhuil a shaoras mise sibh, as gu bi sibh ’nur beannachadh. Na biodh eagal oirbh, biodh ’ur lamhan làidir. 14 Oir mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Mar a chuir mi romham olc a dheanamh oirbh, an uair a bhrosnuich ’ur n-aithrichean mi gu feirg, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, is nach do ghabh mi aithreachas; 15 Mar sin smaointich mi a rìs, anns na làithibh so, maith a dheanamh do Ierusalem, agus do thigh Iudah. Na biodh eagal oirbh-se. 16 So na nithe a ni sibh, Labhraibh gach neach an fhirinn r’ a choimhearsnach: deanaibh breitheanas na firinn agus na sìth ’nur geatachaibh: 17 Agus na dealbhaibh ’nur cridhe gach aon neach olc an aghaidh a choimhearsnaich, agus na gràdhaichibh mionnan breige sam bith: oir is nithe so uile ta fuathach leamsa, arsa Iehobhah. 18 Agus thainig foal Iehobhah Dhia nan sluagh do m’ ionnsuidh-sa, ag radh; 19 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh; Trasg a’ cheathramh [TD 355] SECHARIAH. CAIB. IX. [mios,] agus trasg a’ chuigeamh, agus trasg an t-seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thigh Iudah, ’nan aoibhneas agus ’nan gairdeachas, agus ’nam feillibh subhach; amhàin gradhaichibhse firinn agus siothchaint. 20 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Fathasd [tarlaidh,] gu d’ thig moran dhaoine, agus luchd-àiteachaidh mhoran bhailtean: 21 Agus theid luchd-àiteachaidh aon gu aon eile, ag radh, Rachamaid do rìreadh a ghuidhe fa chomhair Iehobhah, agus a dh’ iarruidh Iehobhah Dhia nan sluagh: theid mise mar an ceudna. 22 Agus thig moran shluagh, agus cinnich chumhachdach a dh’ iarruidh Iehobhah Dhia nan sluagh ann an Ierusalem, agus a ghuidhe fa chomhair Iehobhah. 23 Mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Anns na làithibh sin [tarlaidh] gu greimich deichnear fear, as uile chànuinibh nan cinneach, eadhon gu greimich iad ri sgiort an ti bhios ’na Iudhach, ag radh, Theid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh. CAIB. IX. FAISNEACHD focail Iehobhah. Air fearann Hadraich, is air Damascus gabhaidh i tàmh: (oir tha suil Iehobhah air duine, agus air uile threabhan Israeil:) 2 Agus fòs air Hamat a ta laimh ris; air Tirus, agus air Sidon, ge d’ tha i ro-ghlic. 3 Ge do thog Tirus dhi fein daighneach làidir, is ge do charn i suas airgiod mar an duslach, agus òr fior-ghlan mar pholl nan sràidean; 4 Feuch, tilgidh Iehobhah mach i, agus buailidh e san fhairge a neart, agus sgriosar i le teine. 5 Chi Ascelon, is bidh eagal oirre; Gasa fòs is bidh i ro-bhrònach; is amhuil a bhios Ecron, oir nàruicheadh a dòchas; agus bàsaichidh an righ o Ghasa, agus cha ’n àitichear Ascelon. 6 Agus gabhaidh coigrich comhnuidh ann an Asdod; is gearraidh mise as uabhar nam Philisteach. 7 Agus bheir mi air falbh fhuil as a bheul, agus a ghràinealachdan o eadar fhiaclan: ach an ti mhaireas, bidh esan air son ar Dé-ne, ’s bidh e mar uachdaran ann an Iudah, agus Ecron mar an Iebusach. 8 Agus campaichidh mise timchioll mo Thighe le feachd, air chor as nach siubhail neach air bith d’ a thrìd, air ais no air aghaidh; ni mò theid am fear-saruchaidh d’ an trìd ni ’s mò: oir a nis chunnaic mi le m’ shùilibh. 9 Dean gairdeachas gu mor, O a nighean Shioin; tog iolach, O a nighean Ierusaleim: feuch, tha do righ, a’ teachd do d’ ionnsuidh: is firean agus is Slanuifhear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach mac na h-asail. 10 Agus gearraidh mi as an carbad o Ephraim, agus an t-each o Ierusalem; agus gearrar as am bogha-cogaidh; agus labhraidh esan sìth ris na cinnich: agus bidh uachdranachd o mhuir gu muir, agus o ’n Abhainn gu iomalla na tìre. 11 Air do shon-sa fòs, le fuil [TD 356] SECHARIAH. CAIB. X. do cho-cheangail, chuir mi mach do phriosanaich as an t-slochd anns nach robh uisge sam bith. 12 Pillibh a chum an daighnich, O phriosanacha ’n dòchais, eadhon air an là an diugh tha mi ’g innse gu diol mi dhuit [beannachda] dùbailte. 13 Oir lùb mi dhomh fein Iudah, lion mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic-sa, O Shioin, an aghaidh do mhac-sa, O Ghréig; is ni mi thu mar chlaidheamh duine chumhachdaich. 14 Agus chithear Iehobhah os an cionn, is theid a shaighead a mach mar an dealanach: agus séididh an Tighearna Iehobhah an trompaid, is theid e mach le ioma-ghaothaibh na h-airde deas. 15 Ni Iehobhah Dia nan sluagh an dion; agus ithidh iad, agus ceannsuichidh iad le clachaibh-tabhuill; agus òlaidh iad, is ni iad iolach mar le fion; agus lionar iad mar chopain, mar oisinnibh na h-altarach. 16 Agus tearnaidh Iehobhah an Dia iad anns an là sin, mar threud a shluaigh; oir togar asuas clacha-buaidh air an crùnadh, air feadh am fearainn. 17 Oir cia mor an soirbheachadh, is cia mor am maise! ni am foghara na h-òganaich, agus am fion-fhoghara na h-òighean, subhach. CAIB. X. IARRUIBHSE air Iehobhah uisge ann an am an uisge dheireannaich: ni Iehobhah dealanach, is bheir e dhuibh pailteas uisge do gach aon feur anns an fhaiche. 2 Oir labhair na dealbhan diomhanas, is chunnaic na fiosaichean breug, is dh’ innis iad aislinge faoine; is diomhain an co-fhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaill air bith ann. 3 An aghaidh nam buachaillean las mo chorruich-sa, agus na h-ard-uachdarain smachdaichidh mi. Ach dh’ amhairc Iehobhah Dia nan sluagh air a threud, tigh Iudah; agus ni e iad mar each maiseach anns a’ chath. 4 Uaith-san thig a mach a chlach-oisinne uaith san an tarann, uaith-san am bogha-catha, uaith-san gach uile uachdaran le cheile. 5 Agus bidh iad ann an cath, cosmhuil ri gaisgich a shaltras air clàbar nan sràidean: agus cogaidh iad, a chionn gu bheil Iehobhah maille riu; is cuirear marcaichean nan each gu nàire. 6 Agus neartaichidh mise tigh Iudah, agus tearnaidh mi tigh Ioseiph; agus suidhichidh mi iad a rìs; oir tha truas agam dhiubh: agus bithidh iad mar nach tilginn fada uam iad: oir is mise Iehobhah an Dia, is bheir mi dhoibh eisdeachd. 7 Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; is ni an cridhe gairdeachas, mar le fion: seadh, chi an clann, is bidh iad ait; ni an cridhe gairdeachas ann an Iehobhah. 8 Gairmidh mise iad, agus cruinnichidh mi iad, oir shaor mi iad: agus meudaichidh iad [eadhon] mar a mheudaich iad. 9 Agus cuiridh mi iad mar shiol am measg nan cinneach; [TD 357] SECHARIAH. CAIB. XI. agus cuimhnichidh iad ormsa ann an dùchannaibh fad as; agus mairidh iad beo le ’n cloinn, is pillidh iad a rìs. 10 Agus bheir mi air an ais iad o thìr na h-Eiphit, is cruinnichidh mi iad a mach a h-Asiria; agus bheir mi iad air an ais gu tìr Ghileaid agus Lebanoin; is cha bhi [àiteacha] ni ’s leor ri fhaotain doibh. 11 Agus theid e trìd na fairge, le dòrainn is buailidh e na tonnan anns an fhairge; agus tiormaichidh uile dhoimhneachdan na h-Aibhne suas: agus bheirear a nuas uabhar Asiria, agus imichidh slat-rioghail na h-Eiphit seachad. 12 Agus neartaichidh mise iad ann an Iehobhah, agus ’na ainm-san gluaisidh iad, arsa Iehobhah. CAIB. XI. FOSGAIL do dhorsan, O a Lebanoin, a chum gu loisgeadh an teine do sheudair. 2 Guil gu h-ard, O a chraobh ghiumhais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’ airde air am milleadh: deanaibh gul, O dharaga Bhasain, oir ghearradh frìdh na callaide. 3 Guth ulartaich nam buachaillean! a chionn gu bheil an gloir air a milleadh: guth beucaich nan leomhann òga! oir tha uabhar Iordain air a chreachadh. 4 Mar so thuirt Iehobhah mo Dhia-sa; Beathuich thusa treud a’ chasgraidh; 5 A ta an sealbhadoirean a’ marbhadh, is ’gam meas fein neo-chiontach: agus tha iadsan ata ’gan reic ag radh, Beannuichte gu robh Iehobhah, oir tha mi saibhir: is cha’n ’eil truas aig an aodhairean fein diubh. 6 Oir cha ghabh mise ni ’s mò truas do luchd-àiteachaidh na tìre, deir Iehobhah: ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do laimh a choimhearsnaich, agus do laimh a righ; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an laimh. 7 Is amhuil a bheathaich mi treud a’ chasgraidh, air son bhochdan an treud: agus ghabh mi do m’ ionnsuidh dà luirg; air aon diubh thug mi mar ainm Maise, agus air an aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud. 8 Trì aodhairean fòs ghearr mi as ann an aona mhios, agus bha gràin aig m’anam-sa dhoibhsan, is bha fuath aig an anam-san dhomhsa. 9 An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh: an ni sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e: agus itheadh a’ chuid eile, gach aon feoil a cheile. 10 Agus ghabh mi mo lorg, [eadhon] Maise, agus ghearr mi’na bloighdibh i, chum gu bristinn mo cho-cheangal a rinn mi ris na slòigh uile. 11 Agus bhristeadh e san là sin: agus mar sin dh’ aithnich bochdan an treud a thug fanear mi, gu b’e sin focal Iehobhah. 12 Agus thuirt mi riu, Ma chithear ceart duibh, thugaibh [dhomh] mo luach; agus mar faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich [buinn] fhichead airgid. 13 Agus thuirt Iehobhah rium, Tilg a chum a Chriadhadoir e: luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leo-san. Agus ghabh mi na deich [buinn] fhichead airgid, agus thilg mi iad, ann an tigh Iehobhah, a chum a’chriadhadair. 14 Agus ghearr mi as a cheile [TD 358] SECHARIAH. CAIB. XII. mo lorg eile, [eadhon] Cuibhrichean; a chum gu bristinn am bràithreachas eadar Iudah agus Israel. 15 Agus thuirt Iehobhah rium a rìs: Gabh chugad fathasd inneala buachaille amaidich: 16 Oir feuch, togaidh mise suas buachaille san fhearann, nach seall an deigh an ni sin a ghearrar as; nach iarr a’ chuid a ta òg; is nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; ni mò bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feoil ’na cuid a ta reamhar, agus reubaidh e an crobhain ’nam bloighdibh. 17 Is truagh do ’n droch bhuachaille a dh’ fhàgas an treud: [thig] sgrios air a shuil deas: seargaidh a ghairdean gu tur, is dorchaichear a shùil deas gu h-iomlan. CAIB XII. FAISNEACHD focaiI Iehobhah. Do thaobh Israeil deir Iehobhah, ta sgaoileadh a mach nan neamha, agus a’ suidheacha’ stéidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spioraid duine ’n taobh a stigh dheth. 2 Feuch ni mise Ierusalem ’na copan ball-chrith do na slòigh uile mu’n cuairt: airson Iudah mar an ceudna bithidh e, san fheachd an aghaidh Ierusaleim. 3 Agus anns an là sin ni mi Ierusalem ’na cloich uallaich do na slòigh uile; na h-uile ghabhas i mar uallach orra fein, gearrar iad ’nam bloighdibh: agus’na h-aghaidh bidh uile chinnich an domhain air an cruinneacha le cheile. 4 Anns an là sin, arsa Iehobhah, buailidh mise gach each le h-uabhas, agus a mharcach le cuthach; agus fosglaidh mi mo shùilean air tigh Iudah, agus gach aon each aig na slòigh buailidh mi le doille. 5 Agus their uachdarain Iudah ’nan cridhe; Tha neart aig luchd-àiteachaidh Ierusaleim ann an Iehobhah, [Tighearna] nan sluagh an Dia. 6 Anns an là sin ni mise uachdarain Iudah mar theallach teine ann am measg connaidh, agus mar leus teine ann an sguaib; agus loisgidh iad, air an laimh dheis agus air an laimh chli, na slòigh uile mu’n cuairt: agus àitichear Ierusalem a rìs, na h-ionad fein ann an sìth. 7 Saoruidh Iehobhah fòs pailliunnan Iudah, mar o shean; mun dean glòir tighe Dhaibhidh, no glòir luchd-àiteachaidh Ierusaleim, iad fein arduchadh an aghaidh Iudah. 8 Anns an là sin dionaidh Iehobhah luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bidh esan a ta lag ’nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus tigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal Iehobhah ’nan làthair. 9 Agus tarlaidh anns an là sin, gu ’n iarr mise na h-uile chinnich a thig an aghaidh Ierusaleim a mhilleadh. 10 Agus dòirtidh mi air tigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan achuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, is ni iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine air son aona mhic; is bidh an doilghios air a shon, mar dhoilghios air son ceud-ghin. 11 Anns an là sin bidh cumha mhor ann an Ierusalem, cosmhuil ri cumha Hadadrimoin ann an gleann Mhegidoin. [TD 359] SECHARIAH. CAIB. XIII. XIV. 12 Agus ni ’m fearann caoidh, gach aon teaghlach air leth: teaghlach tighe Dhaibhidh air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach tighe Natain air leth, agus am mnathan air leth: 13 Teaghlach tighe Lebhi air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach Shimei air leth, agus am mnathan air leth. 14 Na h-uile theaghlaichean eile, gach teaghlach air leth, agus am mnathan air leth. CAIB. XIII. ANNS an là sin bidh tobar air fhosgladh do thigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh, agus air son neo-ghloine. 2 Agus tarlaidh air an là sin, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, gu gearr mise mach ainmeanna nan iodholan as an fhearann, is cha chuimhnichear iad ni ’s mò: agus fòs bheir mi air na fiosaichean, agus air na spiorada neo-ghlan siubhal a mach as an fhearann. 3 Agus tarlaidh ’nuair a ni duine sam bith fàisneachd, an sin gun abair athair agus a mhathair a ghin e ris, Cha mhair thu beo; oir labhair thu breugan ann an ainm Iehobhah: agus ni athair agus a mhathair a ghin e, a bhualadh trìd, tra ni e fàisneachd. 4 Agus tarlaidh anns an là sin, gu bi naire air na fàidhean gach aon da shealladh tra ni e fàisneachd; ni mò chuireas iad umpa falluinge molach gu mealladh: 5 Ach their [gach aon,] Cha ’n fhàidh mise, is treabhaiche mi; oir tha còir aig duine [eile] orm o m’ òige. 6 Agus their [aon] ris, Ciod iad na lota sin ann ad lamhaibh? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an tigh mo chairdean. 7 Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine ta ’na dhlù-chompanach dhomhsa, deir Iehobhah Dia nan sluagh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air an sgapadh; agus tionndaidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bheaga. 8 Agus tarlaidh, anns an fhearann uile, deir Iehobhah gu gearrar as dà trian ann, [agus] gu bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann. 9 Agus bheir mise ’n treas trian trìd an teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t-airgiod, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t-òr: gairmidh iad air m’ ainm-sa, agus eisdidh mise riu; agus their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e Iehobhah mo Dhia. GAIB. XIV. FEUCH, tha là Iehobhah a’ teachd, agus roinnear do chreach ann ad mheadhon. 2 Oir cruinnichidh mise na h-uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh, agus glacar am baile, agus creachar na tighean, agus truaillear na mnathan, agus theid leth a’ bhaile air falbh am bruid; is cha ghearrar a’ chuid eile do ’n t-sluagh a mach as a’ bhaile. 3 Agus theid Iehobhah mach, agus cogaidh e ’n aghaidh nan cinneach sin, mar a chogas e ann an là a’ chatha. 4 Agus seasaidh a chasan air an là sin air sliabh nan Oluidh, a ta fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoiltidh sliabh nan Oluidh ’na mheadhon, [TD 360] SECHARIAH. CAIB. XIV. ris an airde ’n ear is ris an aird an iar, [air chor as gu bi] gleann ro-mhor ann: agus gluaisidh leth an t-sleibhe ri tuath, agus an leth eile ri deas. 5 Agus teichidh sibhse [rathad] glinn nan sliabh: oir ruigidh gleann nan sliabh gu h-Asal: seadh, teichidh sibh mar a theich sibh roimh an chrith-thalmhainn, ann an laithibh Usiah righ Iudah: agus thig Iehobhah mo Dhia-sa, agus a naoimh uile maille is. 6 Agus tarlaidh, anns an là sin, nach bi solus soilleir agus dorchadas ann; 7 Ach bidh e ’na aon là: tha fhios so aig Iehobhah: cha là agus oidhche bhios ann: ach tarlaidh air tra feasgair gu bi solus ann. 8 Agus tarlaidh, air an là sin, gu d’ theid uisgeacha beo a mach a Ierusalem: leth dhiubh ris an fhairge ’n ear, is leth dhiubh ris an fhairge ’n iar: anns an t-samhradh is anns a’ gheamhradh bithidh e. 9 Agus bidh Iehobhah ’na Righ os cionn na talmhainn uile: anns an là sin bidh aon Tighearna ann, is ainm ’na aon. 10 Agus cuairtichidh e am fearann uile mar chomhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas do Ierusalem: agus togar asuas i, agus àitichear i ’na h-ionad, o gheata Bheniamin gu àit a’ cheud gheata, agus gu geata na h-oisinne, agus o thùr Hananeeil gu fion-amair an righ. 11 Agus ni daoine comhnuidh innte, agus cha bhi leir-sgrios ann ni ’s mò; ach bidh Ierusalem air a h-àiteachadh ann an tearuinteachd. 12 Agus so a’ phlaigh leis am buail Iehobhah na slòigh uile a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feoil air falbh am feadh a ta iad ’nan seasamh air an casaibh, agus leaghaidh an sùilean air falbh ’nan sluichd, agus leaghaidh an teanga air falbh ’nam beul. 13 (Agus tarlaidh, anns an là sin gu bi buaireas mor o Iehobhah ’nam measg; agus glacaidh iad greim, gach aon do laimh a choimhearsnaich, ach eiridh a lamh a suas an aghaidh laimh a choimhearsnaich. 14 Agus cogaidh Iudah fòs aig Ierusalem: agus cruinnichear le cheile maoin nan uile chinneach mu ’n cuairt, òr, agus airgiod agus earradh, ann am pailteas mor.) 15 Agus bidh plaigh an eich, na muleide, a chamhail, agus na h-asail, agus nan uile bheathaichean a bhios anns na campaibh so, mar a’ phlaigh so. 16 Agus tarlaidh, gu d’ theid gach aon a dh’ fhàgar, do na h-uile chinnich a thainig an aghaidh Ierusaleim, asuas o bhliadhna gu bliadhna gu aoradh a dheanamh do ’n Righ, Iehobhah Dia nan sluagh; agus a choimhead feisd nam pailliunan. 17 Agus tarlaidh, cò sam bith do uile theaghlaichibh na talmhainn nach d’ theid a suas gu Ierusalem, a dheanamh aoraidh do ’n Righ, Iehobhah Dia nan sluagh, eadhon orra sin cha d’ thig uisge sam bith. 18 Agus mur d’ theid teaghlach na h-Eiphit a suas, agus mur d’ thig iad; orra-san bidh a’ phlaigh sin leis am buail Iehobhah na cinnich nach d’ theid a suas a choimhead féisd nam pailliunan. 19 So peanas na h-Eiphit, agus peanas nan uile chinneach nach d’ theid suas a choimhead feisd nam pailliunan. [TD 361] MALACHI. CAIB. I. 20 Anns an là sin bidh air cluig nan each NAOMHACHD DO IEHOBHAH. Agus bidh an oireachan ann an tigh Iehobhah mar na cuachaibh fa chomhair na h-altarach. 21 Seadh, bidh gach poit ann an Ierusalem, is ann an Iudah’nan naomhachd do Iehobhah Dia nan sluagh: agus thig iadsan uile dh’ iobras, agus gabhaidh iad dhiubh, agus bruichidh iad annta: agus cha bhi ni ’s mò fear-malairt ann an tigh Iehobhah Dhia nan sluagh, san là sin. MALACHI. CAIB. I. FAISNEACHD focail Iehobhah chum Israeil, le Malachi. 2 Ghràdhaich mise sibh, arsa Iehobhah: gidheadh tha sibhse ag radh, Ciod san do ghràdhaich thu sinn? nach b’ e Esau bràthair Iacoib, arsa Iehobhah? gidheadh ghràdhaich mise Iacob, 3 Agus dh’ fhuathaich mi Esau; agus chuir mi a shleibhtean fàs, agus tha oighreachd aig nathraichibh na fàsaiche. 4 Mar a ta Edom ag radh, Rinneadh bochd sinn, ach pillidh sinn is togaidh sinn na h-ionada sgaoilte; mar so deir Iehobhah Dia nan sluagh, Togaidh iadsan, ach tilgidh mise sios; agus goirear riu, Crioch na dò-bheairt, agus an sluagh ris am bheil corruich aig Iehobhah gu siorruith. 5 Agus chi ’ur sùilean-sa, agus their sibh, Tha Iehobhah air ardachadh thar criochan Israeil. 6 Bheir mac onoir da athair, agus seirbhiseach da mhaighstir; ma ’s athair mise ma ta, c’àit am bheil m’ onoir? agus ma ’s maighstir mi, c’ àit am bheil m’ eagal, deir Iehobhah Dia nan sluagh ruibhse? O shagartan a ta deanamh tàir air m’ ainm-sa; agus a deir sibh, Ciod anns an d’ rinn sinne tàir air d’ ainm? 7 Tha sibh a’ toirt seachad arain thruaillte air m’altair; agus tha sibh ag radh, Ciod anns an d’ rinn sinne do thruailleadh? Le sibh a bhi ’g radh, Tha bord Iehobhah suarrach. 8 A nis ma thairgeas sibh an ni ta dall mar iobairt, nach olc sin? agus ma thairgeas sibh an ni ta bacach agus tinn, nach olc sin? tairg e nis do d’ uachdaran, am bi e toilichte leat, no ’n gabh e riut gu taitneach? arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 9 Agus a nis, guidheam oirbh, iarruibh aghaidh Iehobhah gu biodh e trocaireach dhuinn. Is ann o’r laimh-sa thainig so; an gabh mise ri aon agaibh gu taitneach? theireadh Iehobhah Dia nan sluagh. 10 Gu cinnteach druidear na dorsan ’nur n-aghaidh; is cha ’n fhadaidh sibh teine air m’ altairsa gu diomhain. Cha ’n ’eil tlachd air bith agam-sa annaibh, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, ni mò ghabhas mi tabhartas air bith o’r laimh. 11 Oir, o eiridh na gréine gu ruig a dol sios, bidh m’ ainm-sa mor am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis [TD 362] MALACHI. CAIB. II. do m’ ainm-sa, agus tabhartas fior-ghlan: oir bidh m’ ainm-sa mor am measg nan cinneach, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 12 Ach thruaill sibhs’ e, le sibh a bhi ’g radh, Tha bord Iehobhah truaillte; agus an tabhartas air, [eadhon] a bhiadh, tha suarrach: 13 Thubhairt sibh fòs, Cia mor an sgios e? agus shéid sibh uaibh e; arsa Iehobhah Dia nan sluagh! agus thug sibh [do m’ ionnsuidh an ni bha] reubta, agus bacach, agus tinn; mar so thug sibh tabhartas: an gabh mise o ’r laimh e, arsa Iehobhah Dia nan sluagh? 14 Ach malluichte gu robh am mealltair, aig am bheil firionn ’na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’iobras ni truaillidh do Iehobhah. Oir is Righ mor mise, deir Iehobhah Dia nan sluagh, agus tha m’ainm uabhasach am measg nan cinneach. CAIB. II. AGUS a nis dhuibhse tha ’n àithne so, O shagartan. 2 Mur eisd sibh, agus mur cuir sibh an suim i, chum gloir a thoirt do m’ ainm-sa, deir Iehobhah Dia nan sluagh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ’ur beannachdan: seadh mhalluich mi iad cheana, a chionn nach ’eil sibh ’ga chur an suim. 3 Feuch, bheir mi air falbh uaibh an slinnean, agus tilgidh mi an t-aolach ’nur n-aghaidh, aolach ’ur n-ard-fheillean, is giulainear sibh fein maille ris. 4 Agus aithnichidh sibh gu do chuir mise chugaibh an àithne so, a chum gu maireadh mo cho-cheangal le Lebhi; arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 5 Bha mo cho-cheangal risan, mu thimchioll beatha agus sìth, agus thug mi dha iad, air son an eagail leis an robh eagal aige romham, is leis an robh geilt air roimh m’ainm. 6 Bha lagh na firinne ’na bheul, is cha d’fhuaradh aingeachd ’na bhilibh; ghluais e leamsa ann an sìth agus ann an ionracas, agus phill a moran air falbh o ea-ceairt. 7 Oir bu chòir do bhilidh an t-sagairt eolas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarruidh as a bheul: oir is esan teachdaire Iehobhah Dhia nan sluagh. 8 Ach chaidh sibh air seacharan o’n t-slighe; thug sibh air mòran tuisleachadh air an reachd: thruaill sibh co-cheangal Lebhi, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 9 Uime sin rinn mise fòs sibhse suarrach agus tàireil ann an sealladh an uile shluaigh, do reir mar nach do choimhid sibh mo shligheanna, ach gu robh sibh leth-bhreitheach anns an lagh. 10 ¶ Nach ’eil aon athair againn uile? nach aon Dia a chruthaich sinn? com’ am bheil sinn a buintinn gu fealltach gach duine ’n aghaidh a bhràthar, le bhi bristeadh co-cheangail ar n-aithrichean. 11 Bhuin Iudah gu fealltach, is chuireadh gràinealachd an gniomh ann an Israel agus ann an Ierusalem: oir thruaill Iudah naomhachd Dhia a ’s ionmhuin leis, agus phòs e nighean dé choimhich. 12 Gearraidh Iehobhah as an duine ni so: am fear-faire, ’s am fear-freagraidh, a mach a pàilliunaibh Iacoib; agus esan a bheir tabhartas do Iehobhah Dia nan sluagh. 13 Agus so fòs rinn sibh; chomhdaich sibh le deuraibh alt- [TD 363] MALACHI. CAIB. III. air Iehobhah, le gul, agus le h-eigheach; ionus nach ’eil suim aige do thabhartas ni ’s mò, agus cha ghabh e le deagh-ghean o’r laimh e. 14 Gidheadh tha sibh ag radh, C’ ar son? A chionn gu robh Iehobhah ’na fhianuis eadar thu agus bean d’ òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana-chompanach i, agus bean do cho-cheangail. 15 Agus nach d’ rinn e aon fheoil [diubh] is nach ’eil aon spiorad air a son: agus ciod a tha esan ag iarruidh: sliochd diadhaidh. Uime sin biodh faicill agaibh air ’ur spiorad, is na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh mnà òige. 16 Oir is fuath leamsa esan a chuireas air falbh, arsa Iehobhah Dia Israeil: agus esan a dh’ fholuicheas ain-neart le thrusgan, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. Uime sin biodh faicill agaibh air ’ur spiorad, nach buin sibh gu fealltach. 17 Sgìthich sibh Iehobhah le’r briathraibh: gidheadh a deir sibh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhi ’g radh, Tha gach aon ata deanamh uilc taitneach ann an sealladh Iehobhah; agus tha tlachd aig’ annta: no, C’àit am bheil Dia a’ bhreitheanais? CAIB. III. FEUCH, cuiridh mise mach mo theachdaire, agus ulmhaichidh e’n t-slighe fa d’chomhair: agus thig an Tighearna a ta sibh ag iarruidh, gu theampull gu grad: eadhon teachdaire a’ cho-cheangail, anns am bheil ’ur tlachd; feuch, thig esan, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 2 Ach cò dh’ fheudas là a theachd a ghiulan? agus cò sheasas an uair a dh’ fhoillsichear e? oir is cosmhuil e ri teine ’n fhir-leaghaidh, agus ri acuinn-ghlanaidh an fhir a nigheas eudach. 3 Agus suidhidh e mar fhear-leaghaidh agus glanaidh airgid: agus glanaidh e mic Lebhi, agus saoruidh e o shal iad, mar òr agus mar airgiod, a chum gu biodh iad ’nan òglaich do Iehobhah, a’ tairgseadh dha tabhartais ann am fireantachd. 4 An sin bidh tabhartas Iudah agus Ierusaleim taitneach le Iehobhah, mar anns na làithibh o shean, agus anns na bliadhnaibh roimhe so. 5 Agus thig mise dlù dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi a’m’ fhianuis luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a ta cumail air ais a thuarasdail o ’n t-seirbhiseach, [a’ sàruchadh] na bantraich agus an dilleachdain, is a’ cur a’ choigrich a thaoibh, agus air nach ’eil eagal romham-sa; deir Iehobhah Dia nan sluagh. 6 Oir is mise Iehobhah, cha chaochail mi: air an aobhar sin cha ’n ’eil sibhse, O chlann Iacoib, air ’ur caitheamh. 7 Eadhon o làithibh ’ur n-aithrichean chlaon sibh o m’ reachdaibh-sa, agus cha do choimhid sibh [iad:] pillibhse riumsa, agus pillidh mise ruibhse, deir Iehobhah Dia nan sluagh: Ach thuirt sibhse, Ciod anns am pill sinn? 8 An spùinn duine Dia? gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag radh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deachamh agus ann an tabhartasaibh. 9 Tha sibh malluichte le mall- [TD 364] MALACHI. CAIB. IV. achd: oir spùinn sibh mise; eadhon an cinneach so uile. 10 Thugaibh an deachamh uile chum an tigh-thaisg, air chor as gu biodh biadh ann am thigh-sa; agus dearbhaibh mi nis leis so, deir Iehobhah Dia nan sluagh, mur fosgail mi dhuibh uinneagan nan neamh, a dhòrtadh a mach bheannachd oirbh, gus an leor e. 11 Agus cronaichidh mi am milltear air ’ur sgàth-sa, agus cha mhill e toradh ’ur fearainn; ni mò thilgeas ’ur fineamhuin a meas anabuich san fhaiche, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 12 Agus goiridh na h-uile chinnich beannuichte sibh: oir bidh sibh ’nur dùthaich thaitnich, arsa Iehobhah Dia nan sluagh. 13 Bha ’ur briathran dalma ann am aghaidh-sa, arsa Iehobhah: gidheadh tha sibh ag radh, Ciod a labhair sinn a’ d’ aghaidh? 14 Thubhairt sibh, Is diomhain seirbhis a thoirt do Iehobhah; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gu do choimhid sinn ordugh, is gu do ghluais sinn gu brònach an lathair Iehobhah Dhia nan sluagh? 15 Agus a nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a ta cur an gniomh aingeachd air an arduchadh: seadh, tha iadsan a ta buaireadh Dhia, eadhon air an saoradh. 16 An sin labhair iadsan air an robh eagal Iehobhah gach aon gu tric ri cheile, agus dh’ eisd Iehobhah agus chual’ e; agus bha leabhar-cuimhne air a sgriobhadh ’na làthair air son na muinntir air an robh eagal Iehobhah, agus a smaointich air ainm. 17 Bidh iad leamsa, arsa Iehobhah Dia nan sluagh, anns an là sin an dean mi suas mo sheudan, agus coiglidh mi iad mar a choigleas duine a mhac fein a ta ri seirbhis da. 18 An sin pillidh sibhse, agus chi sibh an dealachadh eadar am firean agus an t-aingidh: eadar an ti ta deanamh seirbhis do Dhia, ’s an ti nach ’eil ri seirbhis da idir. CAIB. IV. Oir feuch, tha’n là a’teachd, a loisgeas mar àmhuinn, agus bidh na h-uaibhreich uile, seadh gach neach a ta ri aingeachd, mar asbhuain, agus loisgidh an là ta teachd a suas iad, arsa Iehobhah Dia nan sluagh; oir cha ’n fhàg e bun no barr dhiubh. 2 Ach dhuibhse air am bheil eagal m’ ainme-sa eiridh Grian na fireantachd le slainte fuidh a sgiathaibh; agus theid sibh a mach, agus fàsaidh sibh a suas mar laoigh bhiadhta. 3 Agus saltraidh sibh a sios na h-aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhonnaibh ’ur cos, anns an là san dean mise so, deir Iehobhah Dia nan sluagh. 4 Cuimhnichibhse lagh Mhaois m’ òglaich, a dh’ àithn mise dha ann an Horeb, air son Israeil uile, [eadhon] na reachdan agus na breitheanuis. 5 Feuch cuiridh mise do ’r n-ionnsuidh Eliah am fàidh, roimh theachd là mhòir agus uabhasaich Iehobhah. 6 Agus tionndaidh esan cridhe nan aithrichean a chum na cloinne, agus cridhe na cloinne chum an aithrichean, eagal gu d’thig mise, agus gu buail mi am fearann le leirsgrios. CRIOCH.