[TD 1] LEABHRAICHEAN AN T-SEANN TIOMNAIDH, AIR AN TARRUING O’N CHEUD CHANAIN CHUM GAELIC ALBANNAICH. ANN AN CEITHIR EARRANNAIBH. EARRANN II. Air iarrtas na Cuideachd urramaich, a ta chum eòlas CRÌOSDAIDH a sgaoileadh air feadh Gàeltachd agus eileana na h-ALBA. CLÒDH-BHUAILTE ANN AN DUN-EIDEAN, Le UILLIAM SMELLIE. M,DCC,LXXXVII. [TD 2] Entered in Stationers Hall. [TD 3] [Blank] [TD 4] LEABHRAICHEAN. IOSUA, ANNS AM BHEIL 24 CAIB. BREITHEAMHNA 21 RUT 4 I. SAMUEL 31 II. SAMUEL 24 I. RIGH 24 II. RIGH 25 I. EACHDRAIDH 29 [TD 5] IOSUA. CAIB. I. A NIS an déigh bàis Mhaois, òglaich an Tighearna, labhair an Tighearna re (1) Iosua, mac Nuin, fear-frithealaidh Mhaois, ag ràdh, 2 Tha m’òglach Maois marbh: a nis uime sin éirich, gabh thairis air Iordan so, thu féin, agus an sluagh so uile, dh’ionnsuidh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhoibh, eadhon do chloinn Israeil. 3 Gach ionad air an saltair bonn bhur coise, sin thug mi dhuibh, mar a thubhairt mi re Maois. 4 O’n fhàsach, agus Lebanon so, eadhon gus an abhainn mhòir, abhainn Euphrates, tìr nan Hiteach uile, agus gus an fhairge mhòir, leth re dol fuidhe na gréine, bithidh ’na chrìch dhuibh. 5 Cha’n urrainn duine sam bith seasamh a’d’ aghaidh uile laithean do bheatha: mar a bha mi le Maois, mar sin bithidh mi leatsa: cha dìbir mi thu, agus cha tréig mi thu. 6 Bi làidir, agus ro-mhisneachail: oir do’n t-sluagh so roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi d’an aithrichibh (2) a thabhairt doibh. 7 A mhàin bi-sa làidir agus ro-mhisneachail, a chum as gu’n d’thoir thu’n aire gu’n dean thu a réir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhuit: na tionndaidh uaith dh’ionnsuidh na làimhe deise no dh’ionnsuidh na làimhe clìthe, a chum gu’n soirbhich leat anns gach àite d’an d’théid thu. 8 Cha d’théid leabhar an lagha so as do bheul, ach beachd-smuainichidh tu air a là agus a dh’oidhche, chum as gu’n d’thoir thu ’n aire gu’n dean thu a réir gach ni a ta scrìbhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin ni thu gu glic (3). 9 Nach d’àithn mise dhuit? Bi làidir agus ro-mhisneachail, na bi fa eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha ’n Tighearna do Dhia leat anns gach ionad d’an d’théid thu. 10 An sin dh’àithn Iosua do luchd-riaghlaidh an t-sluaigh, ag ràdh, 11 Rachaibh tre’n champ, agus àithnibh do’n t-sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh féin lòn; oir an ceann thri laithean théid sibh thar Iordan so, a dhol a stigh a shealbhachadh na tìre a tha ’n Tighearna bhur Dia a’ toirt duibh r’a sealbhachadh. 12 Agus ris na Reubenich, agus ris na Gadaich, agus re leth thréibh Mhanaseh, labhair Iosua, ag ràdh, 13 Cuimhnichibh am focal a (1) ri. (2) aithreachaibh. (3) éiridh gu maith dhuit. [TD 6] IOSUA. CAIB. II. dh’ àithn Maois òglach an Tighearna dhuibh, ag ràdh, Thug an Tighearna bhur Dia fois duibh, agus thug e dhuibh an tìr so: 14 Fanaidh bhur mnài, bhur clann bheag, agus bhur spréidh san tìr a thug Maois duibh air an taobh so do Iordan, ach théid sibh féin thairis fo’r n-armaibh roimh bhur bràithrean, sibhse uile tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo; 15 Gus an d’thoir an Tighearna fois d’ar bràithribh, mar a thug e dhuibhse, agus gu’n sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha ’n Tighearna bhur Dia a’ tabhairt doibh: an sin pillidh sibh gu tìr bhur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois òglach an Tighearna dhuibh air an taobh so do Iordan, leth re éirigh na gréine. 16 Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h-uile nithe a dh’àithn thu dhuinne, ni sinn; agus ge b’e taobh a chuireas tu sinn, théid sinn. 17 A réir mar a dh’éisd sinn re Maois anns na h-uile nithibh, mar sin éisdidh sinn riutsa: a mhàin biodh an Tighearna do Dhia maille riut, mar a bha e maille re Maois. 18 Gach duine a chuireas an aghaidh t’àithne, agus nach éisd re d’ bhriathraibh, anns na h-uile nithibh a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a mhàin bi làidir, agus ro-mhisneachail. CAIB. II. AGUS chuir Iosua mac Nuin a mach a Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a mach gu h-uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a steach do thigh strìopaiche, d’am b’ainm Rahab, agus luidh iad an sin. 2 Agus dh’innseadh do righ Iericho, ag ràdh, Feuch, thàinig daoine an so an nochd, do chloinn Israeil, a rannsachadh a mach na tìre. 3 Agus chuir righ Iericho teachdaire gu Rahab, ag ràdh, Thoir a mach na daoine a thàinig a t’ionnsuidh, a chaidh steach do d’ thigh: oir is ann a rannsachadh a mach na tìre uile a thàinig iad. 4 Agus ghabh a’ bhean an dithis dhaoine, agus dh’fholaich i iad, agus thubhairt i mar so, Thàinig gun amharus daoine do m’ ionnsuidh; ach cha robh fhios agam cia as a thàinig iad: 5 Agus thachair mu àm druididh a’ gheataidh, ’nuair a bha e dorcha, gu’n deachaidh na daoine mach: c’àit a ghabh na daoine, cha’n fhios domh: leanaibh gu luath air an tòir, oir beiridh sibh orra. 6 Ach bha i air an toirt suas gu mullach an tighe, agus air am folach le cuiseagaibh an lìn, a leag i an ordugh air mullach an tighe. 7 Agus lean na daoine air an tòir san t-slighe gu Iordan, gu ruig (1) na h-àthanna: agus co luath as a chaidh a’ mhuinntir a bh’air an tòir a mach, dhruid iad an geatadh. 8 Agus mun robh iad air luidhe sìos, chaidh i suas d’an ionnsuidh air mullach an tighe; 9 Agus thubhairt i ris na daoinibh, Tha fios agam gu bheil (1) gu nuig. [TD 7] IOSUA. CAIB. II. an Tighearn air toirt duibh na tìre, agus gu bheil bhur n-uamhas air tuiteam oirne, agus gu’m bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le h-eagal (1) roimhibh: 10 Oir chuala sinne cionnus a thiormaich an Tighearna suas uisge na mara ruaidhe roimhibh, ’nuair a thàinig sibh a mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sibh air dà righ nan Amorach, a bh’air an taobh eile do Iordan, Sihon agus Og, a sgrios sibh gu tur. 11 Agus co luath as a chuala sinne na nithe sin, leagh ar cridheacha, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag do mhisnich ann an duine sam bith air bhur son-sa: oir an Tighearna bhur Dia, is esan Dia anns na nèamhaibh shuas, agus air an talamh bhos (2). 12 A nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gu’n do nochd mi caoimhneas dhuibh, gu’n nochd sibhse mar an ceudna caoimhneas do thigh m’athar-sa, agus gu’n d’thoir sibh dhomh comhara cinnteach (3); 13 Agus gu’n gléidh sibh beo m’athair, agus mo mhàthair, agus mo bhràithrean, agus mo pheathraichean, agus na h-uile a ta aca, agus gu’n saor sibh ar n-anmanna (4) o’n bhàs. 14 Agus fhreagair na daoine i, Ar n-anam-ne air bhur son-sa gu bàs, mur foillsich sibh an gnothuch so againne. Agus tarlaidh ’nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gu’m buin sinn gu caoimhneil agus gu firinneach riutsa. 15 An sin leig i sìos iad air cord tre (5) ’n uinneig; oir bha a tigh air balladh a’ bhaile (6), agus bha i chòmhnuidh air a’ bhalladh. 16 Agus thubhairt i riu, Thugaibh am monadh (7) oirbh, air eagal gu’n coinnich an luchd tòrachd sibh; agus folaichibh sibh féin an sin tri laithean, gus am bi’n luchd tòrachd air pilleadh, agus an déigh sin feudaidh sibh imeachd air bhur slighe. 17 Agus thubhairt na daoine rithe (8), Bithidh sinne neo-chiontach a thaobh iad so do mhionnan a thug thu oirn a mhionnachadh. 18 Feuch, ’nuair a thig sinn do’n tìr, ceanglaidh tu an stìom (9) so do shnàth scarlait anns an uinneig tre’n do leig thu sìos sinn: agus bheir thu t’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach t’athar uile dhachaidh at’ ionnsuidh. 19 Agus tarlaidh, ge b’e neach a théid a mach air dorsaibh do thighe do’n t-sràid, gu’m bi fhuil air a cheann féin, agus bithidh sinne neo-chiontach: agus ge b’e neach a bhios maille riut anns an tigh, bithidh shuil air ar ceann-ne, ma bheanas làmh ris. 20 Agus ma dh’fhoillsicheas tu an gnothuch so againn, an sin bithidh sinne saor o d’ mhionnaibh a thug thu oirn a mhionnachadh. 21 Agus thubhairt ise, A réir bhur briathra, mar sin bitheadh e. Agus chuir i air falbh iad, agus dh’imich iad: agus cheangail i an stìom scarlait anns an uinneig. (1) air fannachadh. (2) shìos. (3) firinn. Eabh. (4) beatha. (5) trìd, troimh. (6) na cathrach. (7) a’ bheinn. (8) ria. (9) cordan. [TD 8] IOSUA. CAIB. III. 22 Agus dh’fhalbh iad, agus thàinig iad do’n mhonadh, agus dh’fhan iad an sin tri laithean, gus an do phill an luchd tòrachd. Agus dh’iarr an luchd tòrachd iad air feadh na slighe uile, ach cha d’fhuair siad iad. 23 Mar sin phill an dithis dhaoine, agus chaidh iad sìos o’n mhonadh, agus chaidh iad thairis, agus thàinig iad gu Iosua mac Nuin, agus dh’innis iad da gach ni a thachair dhoibh. 24 Agus thubhairt iad re Iosua, Gu firinneach thug an Tighearna thairis d’ar làimh am fearann uile; oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as fa’r comhair. CAIB. III. AGUS dh’éirich Iosua gu moch sa’ mhaduinn, agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iordan, e féin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis. 2 Agus an ceann thri laithean chaidh an luchd-riaghlaidh tre’n champ; 3 Agus dh’àithn iad do’n t-sluagh, ag ràdh, ’Nuair a chi sibh àirc coi’-cheangail an Tighearna bhur Dé, agus na sagairt na Lebhithich ’ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o’r n-àite, agus théid sibh ’na déigh. 4 Gidheadh bithidh astar eadar sibh agus i, mu thimchioll dà mhìle làmh-choille do thomhas: na d’thigibh am fagus di, a chum gu’m bi fios na slighe agaibh air am feum sibh imeachd; oir cha do ghabh sibh riamh roimhe an rathad so. 5 Agus thubhairt Iosua ris an t-sluagh, Naomhaichibh sibh féin; oir am màireach ni’n Tighearna nithe iongantach ’nar measg. 6 Agus labhair Iosua ris na sagartaibh, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choi’-cheangail, agus rachaibh thairis roimh ’n t-sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choi’-cheangail, agus chaidh iad roimh ’n t-sluagh. 7 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, An diugh tòisichidh mi air thusa dheanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a chum as gu’m bi fios aca, mar a bha mi le Maois, gu’m bi mi leatsa. 8 Agus bheir thu àithne do na sagartaibh a tha giùlan àirc a’ choi’-cheangal, ag ràdh, ’Nuair a bhios sibh air teachd gu oir uisge Iordain, ann an Iordan seasaidh sibh. 9 Agus thubhairt Iosua re cloinn Israeil, Thigibh an so, agus éisdibh re briathraibh an Tighearna bhur Dé. 10 Agus thubhairt Iosua, Le so bithidh fios agaibh gu’m bheil an Dia beo ’nar measg, agus gu’m fuadaich e gun teagamh a mach roimhibh na Canaanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Perisich, agus na Girgasaich, agus na h-Amoraich, agus na Iebusaich. 11 Feuch, tha àirc coi’-cheangail Tighearna na talmhainn uile a’ dol thairis roimhibh do Iordan. 12 A nis uime sin gabhaibh dà fhear dheug a treubhaibh Israeil, fear as gach tréibh. 13 Agus co luath ’sa shocraich- (1) tre’n fheachd. [TD 9] IOSUA. CAIB. IV. eas na sagairt a ta giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cos ann an uisgeachaibh Iordain, bithidh uisgeacha Iordain air an sgaradh o na h-uisgeachaibh a thig a nuas o’n airde: agus seasaidh iad ’nan torr. 14 Agus an uair a dh’fhalbh an sluagh o’m bùthaibh, gu dol thar Iordan, agus na sagairt a’ giùlan àirc a’ choi’-cheangail roimh ’n t-sluagh; 15 Agus an uair a bha iadsan a ghiùlain an àirc air teachd gu Iordan, agus a bha cosa nan sagart a ghiùlain an àirc air an tumadh ann an oir an uisge (oir tha Iordan a’ sruthadh thar uile bhruacha rè an fhogharaidh uile) 16 An sin sheas na h-uisgeachan a thàinig a nuas o’n airde, agus dh’éirich iad suas ’nan torr ro-fhad o’n bhaile Adam, a ta làimh re Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad mara a’ chòmhnaird, eadhon na mara salainn, agus ghearradh as iad: agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho. 17 Agus sheas na sagairt a ghiùlain àirc coi’-cheangail an Tighearna gu daingean (1) air talamh tioram am meadhon Iordain, agus chaidh na h-Israelich uile thairis air talamh tioram, gus an robh an sluagh uile air dol thar Iordan (2). CAIB. IV. AGUS an uair a bha ’n sluagh uile air dol thar Iordan, an sin labhair an Tighearna re Iosua, ag ràdh, 2 Gabhaibh dhuibh féin dà fhear dheug as an t-sluagh, duine as gach tréibh, 3 Agus àithnibh dhoibh, ag ràdh, Thugaibh leibh o so a meadhon Iordain, as an àite anns an do sheas cosa nan sagart gu daingean, dà chloich dheug, agus bheir sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad anns an àite-tàimh anns an gabh sibh fois an nochd. 4 An sin ghairm Iosua air an dà fhear dheug, a dheasaich e a cloinn Israeil, fear as gach tréibh. 5 Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis roimh àirc an Tighearna bhur Dé gu meadhon Iordain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a réir àireimh threubha chloinn Israeil: 6 A chum as gu’m bi so ’na chomhara ’nar measg, a chum ’nuair a dh’fhiosraicheas bhur clann san àm re teachd (3), ag ràdh, Ciod is ciall duibh leis na clachaibh so? 7 An sin gu’m freagair sibh iad, Gu’n robh uisgeacha Iordain air an sgaradh o chéile roimh àirc coi’-cheangail an Tighearna, ’nuair a chaidh i thar Iordan, gu’n robh uisgeacha Iordain air an sgaradh o chéile: agus bithidh na clachan so ’nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth. 8 Agus rinn clann Israeil amhuil mar a dh’àithn Iosua, agus thog iad suas dà chloich dheug a meadhon Iordain, mar a labhair an Tighearna re Iosua, a réir àireimh threubha chloinn Israeil, agus ghiùlain iad leo (1) deas. (2) gus an do chuir an sluagh uile crìoch air dol thar Iordan. Eabh. (3) am màireach. Eabh. [TD 10] IOSUA. CAIB. V. thairis iad do’n àit anns an do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an sin iad. 9 Agus chuir Iosua suas dà chloich dheug am meadhon Iordain, san ionad anns an do sheas cosa nan sagart a ghiùlain àirc a’ choi’-cheangail: agus tha iad an sin gus an la’n diugh. 10 Oir sheas na sagairt a ghiùlain an àirc am meadhon Iordain, gus an do chrìochnaicheadh gach ni a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t-sluagh, a réir nan uile nithe a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis. 11 Agus an uair a bha ’n sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagairt an làthair an t-sluaigh. 12 Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth thréibh Mhanaseh thairis fo’n armaibh roimh chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu: 13 Chaidh thairis mu thimchioll dà fhichead mìle, deas air son cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath do chòmhnardaibh Iericho. 14 Air an là sin dh’ardaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra roimh Mhaois, uile laithean a bheatha. 15 Agus labhair an Tighearna re Iosua, ag ràdh, 16 Aìthn do na sagartaibh a tha giùlan àirc na fianuis, iad a theachd a nìos a Iordan. 17 Agus dh’àithn Iosua do na sagartaibh, ag ràdh, Thigibh a nìos a Iordan. 18 Agus an uair a bha na sagairt a ghiùlain àirc coi’-cheangail an Tighearn air teachd a nìos a meadhon Iordain, agus a bha buinn chos nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin phill uisgeacha Iordain d’an àite féin, agus chaidh iad thar a bhruachan uile, mar a rinn iad roimhe. 19 Agus thàinig an sluagh a nìos a Iordan air an deicheamh là do’n cheud mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, san iomall a làimh na h-airde ’n ear do Iericho. 20 Agus an dà chloich dheug sin a thug iad a mach a Iordan, chuir Iosua suas ann an Gilgal. 21 Agus labhair e re cloinn Israeil, ag ràdh, ’Nuair a dh’fhiosraicheas bhur clann d’an aithrichibh san àm re teachd, ag ràdh, Ciod is ciall do na clachaibh so? 22 An sin bheir sibh fios d’ar cloinn, ag ràdh, Thàinig Israel thar Iordan so air talamh tioram. 23 Oir thiormaich an Tighearna bhur Dia suas uisgeacha Iordain roimhibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna bhur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis: 24 A chum as gu’n aithnich sluagh na talmhainn uile làmh an Tighearna, gu bheil i cumhachdach: a chum gu’m bi eagal an Tighearna bhur Dé oirbh am feasd (1). CAIB. V. Agus an uair a chual’ uile righre nan Amorach a bh’air an taobh thall do Iordan (1) gach la. Eabh. [TD 11] IOSUA. CAIB. V. a làimh na h-airde ’n iar, agus uile righre nan Canaanach a bha làimh ris an fhairge, gu’n do thiormaich an Tighearna suas uisgeacha Iordain roimh chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, air son chloinn Israeil. 2 Anns an àm sin thubhairt an Tighearna re Iosua, Dean duit féin sgeanan geura (1), agus timchioll ghearr clann Israeil a rìs an daradh uair. 3 Agus rinn Iosua dha féin sgeanan geura, agus thimchioll-ghearr e clann Israeil aig cnoc nan roimh-chraicionn. 4 Agus is e an t-aobhar mu’n do thimchioll-ghearr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a mach as an Eiphit a bha ’nam firionnaich, eadhon na fir-chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t-slighe, an deigh dhoibh teachd a mach as an Eiphit. 5 A nis bha ’n sluagh uile a thàinig a mach, air an timchioll-ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh san fhàsach air an t-slighe, ’nuair a thàinig iad a mach as an Eiphit, iadsan cha do thimchioll-ghearr iad. 6 Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà fhichead bliadhna, gus an deachaidh as (2) do’n luchd-cogaidh uile a thàinig a mach as an Eiphit, a chionn nach d’thug iad géill do ghuth an Tighearna: d’an do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhoibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna d’an aithrichibh gu’n d’thugadh e dhuinn, fearann a tha sruthadh le bainne agus mil. 7 Agus an clann-san a thog e suas ’nan àite, iadsan thimchioll-ghearr Iosua: oir bha iad neo-thimchioll-ghearrta, a chionn nach do thimchioll-ghearradh iad air an t-slighe. 8 Agus an uair a bha ’n sluagh uile air an timchioll-ghearradh, dh’fhan iad ’nan àitibh anns a’ champ, gus an robh iad slàn. 9 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, Air an la ’n diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h-Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an la ’n diugh. 10 Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chum iad a’ chàisg, air a’ cheathramh la deug do’n mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardaibh Iericho. 11 Agus dh’ith iad do shean bhàrr (3) an fhearainn air an la màireach an deigh na càisge, breacagan neo-ghoirtichte, agus sìol cruaidhichte air an la sin féin. 12 Agus sguir am mana air an la màireach an deigh dhoibh itheadh do shean bhàrr an fhearainn, ni mò a bha mana tuilleadh aig cloinn Israeil, ach dh’ith iad do thoradh fearainn Chanaain air a’ bhliadhna sin. 13 Agus an uair a bha Iosua làimh re Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte ’na làimh: agus chaidh Iosua d’a ionnsuidh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le’r n-eascairdibh? 14 Agus thubhairt e, Cha ’n ann: ach mar cheannard slòigh (1) sgeanan do chlochaibh cruaidh. Eabh. (2) do chaitheadh, do bhàsaich. (3) arbhar, sìol, toradh. [TD 12] IOSUA. CAIB. VI. an Tighearna tha mi a nis air teachd. Agus thuit Iosua air aghaidh air an talamh, agus rinn e aoradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearn ag ràdh r’a sheirbhiseach? 15 Agus thubhairt ceannard slòigh an Tighearna re Iosua, Fuasgail do bhròg bhàrr do choise, oir tha ’n t-ionad air am bheil thu a’d’ sheasamh, naomha. Agus rinn Iosua mar sin. CAIB. VI. A NIS bha Iericho air a dhruideadh suas gu teann, roimh chloinn Israeil: cha deachaidh neach air bith a mach, agus cha d’thàinig neach air bith a stigh. 2 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, Feuch, thug mi do d’ làimh Iericho, agus a righ, agus na daoine treun ann an neart. 3 Agus cuairtichidh sibh am baile, sibhse fheara-cogaidh uile, agus théid sibh mu thimchioll a’ bhaile aon uair: mar so ni thu air sè laithibh. 4 Agus giùlainidh seachd sagairt roimh an àirc seachd trompaidean a dh’adhaircibh reitheachan: agus air an t-seachdamh la théid sibh mu thimchioll a’ bhaile seachd uairean, agus séididh na sagairt leis na trompaidibh. 5 Agus an uair a ni iad fuaim fhada le adhaircibh nan reitheachan, agus an uair a chluinneas sibh fuaim na trompaide, an sin éighidh an sluagh uile le h-iolaich mhòir, agus tuitidh balladh a’ bhaile sìos o bhunadh, agus théid an sluagh suas gach duine dìreach roimhe. 6 Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartaibh, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choi’-cheangail, agus giùlaineadh seachd sagairt seachd trompaidean a dh’adhaircibh reitheachan roimh àirc an Tighearna. 7 Agus thubhairt e ris an t-sluagh, Gabhaibh air bhur n-aghaidh, agus cuairtichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo armaibh air aghaidh roimh àirc an Tighearna. 8 Agus an uair a labhair Iosua ris an t-sluagh, ghabh na seachd sagairt a’ giùlan sheachd trompaidean a dh’adhaircibh reitheachan air an aghaidh roimh ’n Tighearna, agus shéid iad leis na trompaidibh: agus lean àirc coi’-cheangail an Tighearn iad. 9 Agus chaidh na daoine armaichte roimh na sagartaibh a shéid leis na trompaidibh: agus thàinig a’ chuid eile do’n t-sluagh (1) an déigh na h-àirce, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ séideadh leis na trompaidibh. 10 Agus dh’àithn Iosua do’n t-sluagh, ag ràdh, Cha dean sibh iolach, agus cha dean sibh fuaim sam bith le’r guth, ni mò théid focal sam bith a mach as bhur beul, gus an là anns an abair mise ribh, Deanaibh iolach; an sin ni sibh iolach. 11 Mar sin chuairtich àirc an Tighearn am baile, a’ dol m’a thimchioll aon uair: agus thàinig iad do’n champ, agus ghabh iad tàmh anns a’ champ. (1) iadsan a bh’air dheireadh. [TD 13] IOSUA. CAIB. VI. 12 Agus dh’éirich Iosua gu moch sa’ mhaduinn, agus thog na sagairt suas àirc an Tighearna. 13 Agus dh’imich air an aghaidh a ghnàth seachd sagairt a’ giùlan sheachd trompaidean a dh’adhaircibh reitheacha roimh àirc an Tighearna, agus shéid iad leis na trompaidibh: agus dh’imich an sluagh armaichte rompa, ach thàinig a’ chuid eile do’n t-sluagh an déigh àirc an Tighearna, na sagairt a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ séideadh leis na trompaidibh. 14 Agus air an dara là chuairtich iad am baile aon uair, agus phill iad do’n champ: mar so rinn iad air sè laithibh. 15 Agus air an t-seachdamh là dh’éirich iad gu moch mu bhriseadh na fàire (1), agus chuairtich iad am baile air an dòigh cheudna, seachd uairean: a mhàin air an là sin chuairtich iad am baile seachd uairean. 16 Agus air an t-seachdamh uair, shéid na sagairt leis na trompaidibh, agus thubhairt Iosua ris an t-sluagh, Deanaibh iolach, oir thug an Tighearna dhuibh am baile. 17 Agus bithidh am baile mallaichte, e féin, agus gach ni a th’ann, do’n Tighearna: a mhàin bithidh Rahab an strìopach beo, i féin agus iadsan uile a tha maille rithe san tigh, a chionn gu’n d’fholaich i na teachdairean a chuir sinn uainn. 18 Agus sibhse, air gach aon chor gleidhibh sibh féin o’n ni mhallaichte, air eagal gu’n dean sibh sibh féin mallaichte, ’nuair a ghabhas sibh do’n ni mhallaichte, agus gu’n dean sibh camp Israeil ’na mhallachadh, agus gu’n cuir sibh e fuidh bhuaireas (2). 19 Ach tha ’n t-airgiod uile, agus an t-òr, agus na soithichean umha agus iaruinn, coisrigte do’n Tighearna: thig iad a steach do ionmhas (3) an Tighearna. 20 Agus rinn an sluagh iolach an uair a shéid na sagairt leis na trompaidibh: agus an uair a chual’ an sluagh fuaim na trompaide, agus a dh’éigh an sluagh le h-iolaich mhòir, an sin thuit am balladh sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas do’n bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile. 21 Agus léir-sgrios iad gach ni a bha sa’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh. 22 Ach ris an dithis fhear a rannsaich a mach an tìr thubhairt Iosua, Rachaibh a steach do thigh na strìopaiche, agus thugaibh a mach as sin a’ bhean, agus gach ni a th’aice, mar a mhionnaich sibh dhi. 23 Agus chaidh na h-òganaich a bha ’nan luchd-rannsachaidh (4) a stigh, agus thug iad a mach Rahab, agus a h-athair, agus a màthair, agus a bràithre, agus gach ni a bh’aice: agus thug iad a mach a dilsean uile, agus chuir iad an taobh a muigh do champ Israeil iad. 24 Agus loisg iad am baile le teine, agus gach ni a bh’ann: a mhàin an t-airgiod, agus an t-òr, agus na soithichean umha (1) chamhanaich, scarthanaich an là. (2) mhi-shuaimhneas. (3) thaisgeach. (4) luchd-brathaidh. [TD 14] IOSUA. CAIB. VII. agus iaruinn, chuir iad ann an ionmhas tighe an Tighearna. 25 Agus ghléidh Iosua Rahab an strìopach beo, agus teaghlach a h-athar, agus gach ni a bh’aice; agus tha i ’na còmhnuidh ann an Israel gus an la ’n diugh, a chionn gu’n d’fholaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a mach Iericho. 26 Agus chuir Iosua fuidh mhionnaibh iad san àm sin, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine an làthair an Tighearna, a dh’éireas agus a thogas am baile so Iericho: ’na cheud-ghin leagaidh e a bhunait, agus ’na mhac a’s òige cuiridh e suas a gheatacha. 27 Mar so bha’n Tighearna maille re Iosua, agus sgaoileadh iomradh-san air feadh na tìre uile. CAIB. VII. ACH rinn clann Israeil cionta san ni mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, do thréibh Iudah, cuid do’n ni mhallaichte: agus las fearg an Tighearn an aghaidh chloinn Israeil. 2 Agus chuir Iosua daoine o Iericho gu h-Ai, a tha làimh re Bet-abhen, air an taobh an ear do Bhetel, agus labhair e riu, ag ràdh, Rachaibh suas, agus rannsaichibh a mach an tìr. Agus chaidh na daoine suas, agus rannsaich iad a mach Ai. 3 Agus phill iad gu Iosua, agus thubhairt iad ris, Na rachadh an sluagh uile suas; ach rachadh mu thimchioll dà mhìle no tri mìle fear suas, agus buaileadh iad Ai: na d’thoir air an t-sluagh uile saoithreachadh an sin; oir cha ’n ’eil ann diubh ach beagan. 4 Agus chaidh suas an sin do’n t-sluagh mu thimchioll tri mìle fear, agus theich iad roimh fheara Ai. 5 Agus bhuail fir Ai dhiubh mu thimchioll sè fir dheug thar fhichead: oir chuir iad an ruaig orra o chomhair a’ gheataidh eadhon gu Sebarim, agus bhuail iad san dol sìos iad: uime sin leagh cridhe an t-sluaigh, agus dh’fhàs e mar uisge. 6 Agus reub Iosua eudach, agus thuit e gu làr air aghaidh roimh àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e féin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn. 7 Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhé, c’ar son a thug thu idir an sluagh so thar Iordan, g’ar toirt thairis do làimh nan Amorach, a chum ar sgrios? O b’fhearr gu’m biomaid toilichte, agus gu’m biomaid air gabhail còmhnuidh air an taobh eile do Iordan. 8 O Thighearna, ciod a their mi ’nuair a thionndaidheas Israel an cùl r’an naimhdibh? 9 Oir cluinnidh na Canaanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mu’n cuairt oirn, agus gearraidh iad as ar n-ainm o’n talamh: agus ciod a ni thu re d’ainm mòr? 10 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, Eirich suas; c’arson a luidheas tu mar so air t’aghaidh? 11 Pheacaich Israel, agus bhris iad mar an ceudna mo choi’-cheangal a dh’àithn mi [TD 15] IOSUA. CAIB. VII. dhoibh; oir ghabh iad eadhon do’n ni mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid iad, agus mar an ceudna cheil (1) iad, agus chuir iad eadhon am measg an airneis féin e. 12 Uime sin cha b’urrainn clann Israeil seasamh roimh an naimhdean, ach thionndaidh iad an cùl r’an naimhdibh, a chionn gu’n robh iad mallaichte. Cha bhi mise maille ribh tuille, mur sgrios sibh an ti mhallaichte as bhur measg. 13 Eirich suas, naomhaich an sluagh, agus abair, Naomhaichibh sibh féin air son an la màireach: oir mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Tha ni mallaichte a’d’ mheadhon, O Israel: cha’n urrainn thu seasamh roimh do naimhdibh, gus an cuir sibh air falbh an ni mallaichte as bhur measg. 14 Anns a’ mhaduinn uime sin bheirear cuideachd sibh a réir bhur treubha: agus an treubh a ghabhas an Tighearna, thig i a réir a teaghlaichean; agus thig an teaghlach a ghabhas an Tighearn, a réir a thighean; agus thig an tigh a ghabhas an Tighearn, a lìon fear is fear. 15 Agus esan a ghlacar leis an ni mhallaichte, loisgear le teine e féin agus gach ni a th’aige; a chionn gu’n do bhris e coi’-cheangal an Tighearna, agus gu’n d’rinn e amaideachd (2) ann an Israel. 16 Uime sin dh’éirich Iosua gu moch sa’ mhaduinn, agus thug e leis Israel a réir an treubha, agus ghabhadh treubh Iudah. 17 Agus thug e leis teaghlach Iudah, agus ghabh e teaghlach nan Sarhitheach: agus thug e leis teaghlach nan Sarhitheach a lìon fear is fear; agus ghabhadh Sabdi. 18 Agus thug e leis a thigh, a lìon fear agus fear; agus ghabhadh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, do thréibh Iudah. 19 Agus thubhairt Iosua re Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir do’n Tighearna Dia Israeil, agus dean aidmheil da; agus innis domh a nis ciod a rinn thu, na folaich uam e. 20 Agus fhreagair Achan Iosua, agus thubhairt e, Gu deimhin pheacaich mi an aghaidh an Tighearna Dé Israeil, agus mar so agus mar so rinn mi. 21 ’Nuair a chunuaic mi am measg na creiche earradh (3) bhréagha Bhabilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh leth-cheud secel do chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad, agus feuch, tha iad folaichte san talamh am meadhon mo bhùtha, agus an t-airgiod fuidhe. 22 Mar sin chuir Iosua teachdairean uaith, agus ruith iad do’n bhùth, agus feuch, bha e folaichte ’na bhùth, agus an t-airgiod fuidhe. 23 Agus thug iad leo iad a meadhon a’ bhùtha, agus thug iad gu Iosua iad, agus gu clann Israeil uile, agus sgaoil (4) iad a mach iad am fianuis an Tighearna. 24 Agus ghabh Iosua agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t-airgiod, agus an earradh, agus an geinn òir, (1) dh’àicheadh iad. (2) lochd. (3) truscan, culaidh, falluing. (4) chuir. [TD 16] IOSUA. CAIB. VIII. agus a mhic, agus a nigheana, agus a dhaimh, agus asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach ni a bh’aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad. 25 Agus thubhairt Iosua, C’ar son a chuir thu dragh oirn? cuiridh an Tighearna dragh ortsa an diugh. Agus chlach clann Israeil uile e le clachaibh, agus loisg iad le teine iad, an déigh dhoibh an clachadh le clachaibh. 26 Agus thog iad suas carn mòr chlach air a mhuin gus an la’n diugh: Agus phill an Tighearna o ghairge a chorruich. Uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin gus an la ’n diugh. CAIB. VIII. AGUS thubhairt an Tighearna re Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fa gheilt: gabh an sluagh cogaidh uile maille riut, agus éirich, imich suas gu h-Ai; feuch, thug mi thairis do d’ làimh righ Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus fhearann. 2 Agus ni thu re h-Ai agus r’a righ, mar a rinn thu re Iericho, agus r’a righ: a mhàin a chreach, agus a spréidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh féin: cuir daoine ann am feall-fholach (1) an aghaidh a’ bhaile air a chùlaobh. 3 Agus dh’éirich Iosua agus an sluagh cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua mach deich mìle fichead a dh’fhearaibh treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad san oidhche. 4 Agus dh’àithn e dhoibh, ag ràdh, Feuch, ni sibh feall-fholach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro-fhad o’n bhaile, ach bithibh uile deas: 5 Agus théid mise, agus an sluagh uile a tha maille rium, dlùth do’n bhaile: agus an uair a thig iad a mach ’nar coinneamh, mar air tùs, teichidh sinne rompa. 6 (Oir thig iad a mach ’nar deigh) gus an tarruing sinn iad o’n bhaile; oir their iad, Tha iad a’ teicheadh romhainn, mar air tùs: uime sin teichidh sinne rompa. 7 An sin éiridh sibhse o’n fheall-fholach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna bhur Dia ’nar làimh e. 8 Agus an uair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile re theine: a réir àithne an Tighearna ni sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh. 9 Uime sin chuir Iosua mach iad; agus dh’fhalbh iad a dheanamh feall-fholach, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar a dh’Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t-sluaigh. 10 Agus dh’éirich Iosua gu moch sa’ mhaduinn, agus dh’àireamh e’n sluagh (2), agus chaidh e suas, e féin agus seanairean Israeil, roimh ’n t-sluagh gu h-Ai. 11 Agus chaidh an sluagh cogaidh uile suas, a bha maille ris, agus chaidh iad am fagus, agus thàinig iad fa chomhair a’ bhaile, agus champaich iad air an taobh mu thuath do Ai: (1) plaid-luidhe. (2) ghabh e beachd do’n t-sluagh. [TD 17] IOSUA. CAIB. VIII. a nis bha gleann eadar iad agus Ai. 12 Agus ghabh e mu thimchioll chùig mìle fear, agus chuir e iad a dheanamh feall-fholach eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar do’n bhaile. 13 Agus an uair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bh’air an taobh mu thuath do’n bhaile, agus an luchd feall-fholach air an taobh an iar do’n bhaile, chaidh Iosua san oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne. 14 Agus an uair a chunnaic righ Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’éirich iad gu moch, agus chaidh fir a’ bhaile a mach gu cath an aghaidh Israeil, e féin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird; ach cha robh fhios aige gu’n robh luchd feall-fholach ’na aghaidh air cùl a’ bhaile. 15 Agus rinn Iosua agus Israel uile mar gu’m buailte iad rompa, agus theich iad rathad an fhàsaich. 16 Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai (1) an ceann a’ chéile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thairngeadh o’n bhaile iad. 17 Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a mach an déigh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil. 18 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, Sìn a mach an t-sleagh a tha d’làimh rathad Ai; oir bheir mise a’d’ (2) làimh e. Agus shìn Iosua mach an t-sleagh a bh’aige ’na làimh, a dh’ionnsuidh a’ bhaile. 19 Agus dh’éirich na daoine a bha ris an fheall-fholach gu grad as an àite, agus ruith iad co luath ’sa shìn e mach a làmh: agus chaidh iad a stigh do’n bhaile, agus ghlac iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad am baile re theine. 20 Agus an uair a sheall fir Ai ’nan deigh, chunnaic iad, agus feuch, chaidh deatach a’ bhaile suas gu nèamh, agus cha robh comas aca teicheadh an taobh so no’n taobh ud: agus thionndaidh an sluagh a theich do’n fhàsach, air an ais air an luchd-tòrachd. 21 Agus an uair a chunnaic Iosua agus Israel uile gu’n do ghlac luchd na feall-fholach am baile, agus gu’n deachaidh deatach a’ bhaile suas, an sin phill iad, agus bhuail iad fir Ai. 22 Agus chaidh iadsan a mach as a’ bhaile ’nan aghaidh; mar sin bha iad am meadhon Israeil, cuid air an taobh so, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail siad iad, gus nach d’fhàgadh aon diubh beo, no aon gu dol as. 23 Agus ghlac iad righ Ai beo, agus thug iad e gu Iosua. 24 Agus an uair a chuir Israel crìoch air uile luchd-àiteachaidh (3) Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach d’an do chuir iad an ruaig orra, agus an uair a thuit iad uile air faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as doibh, an sin phill na h-Israelich uile gu h-Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh. (1) anns a’ bhaile. (2) ’nad. (3) luchd-còmhnuidh. [TD 18] IOSUA. CAIB. IX. 25 Agus bha ann dhiubhsan uile a thuit air an là sin, eadar fheara agus mhnài, dà mhìle a dheug, eadhon muinntir Ai uile: 26 Oir cha do tharruing Iosua a làmh air a h-ais, a shìn e mach leis an t-sleagh, gus an do léir-sgrios e luchd-àiteachaidh Ai uile. 27 A mhàin spréidh agus creach a’ bhaile sin, ghabh Israel mar chobhartach dhoibh féin, a réir focail an Tighearn a dh’àithn e do Iosua. 28 Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e ’na charn e gu bràth, ’na fhàsach gus an la ’n diugh. 29 Agus righ Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fuidhe na gréine dh’àithn Iosua, agus thug iad a nuas a chorp o’n chrann, agus thilg iad e aig dol a stigh geataidh a’ bhaile, agus thog iad air carn mòr chlach a tha làthair gus an la ’n diugh. 30 An sin thog Iosua altair do’n Tighearna Dia Israeil air sliabh Ebail, 31 Mar a dh’àithn Maois òglach an Tighearna do chloinn Israeil, a réir mar a ta e scrìobhta ann an leabhar lagha Mhaois, altair do chlachaibh slàna, air nach do thog duine sam bith suas iarunn; agus thug iad suas oirre ìobairtean-loisgte do’n Tighearna, agus dh’ìobair iad tabhartais-sìth. 32 Agus scrìobh e ’n sin air na clachaibh dùblachadh lagha Mhaois, a scrìobh e an làthair chloinn Israeil. 33 Agus sheas Israel uile, agus an seanairean, agus an luchd-riaghlaidh, agus am breitheamhna, air an taobh so do’n àirc, agus air an taobh ud, an làthair nan sagart nan Lebhitheach, a ghiùlain àirc coi’-cheangail an Tighearna, an coigreach co maith ris-san a rugadh ’nam measg; leth dhiubh thall fa chomhair sléibh Gherisim, agus leth dhiubh thall fa chomhair sléibh Ebail: mar a dh’àithn Maois òglach an Tighearna, chum sluagh Israeil a bheannachadh air tùs (1). 34 Agus an déigh sin leugh (2) e uile bhriathran an lagha, na beannachdan agus na mallachdan, a réir nan uile nithe ta scrìobhta ann an leabhar an lagha. 35 Cha robh focal do na h-uile nithibh a dh’àithn Maois, nach do leugh Iosua an làthair co’-chruinnich Israeil uile, agus nam ban, agus na cloinne bige, agus nan coigreach a bha fantuinn ’nam measg. CAIB. IX. AGUS an uair a chuala na righrean uile a bh’air an taobh so do Iordan, anns na beanntaibh, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir (3) na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an Hiteach, agus an t-Amorach, an Canaanach, am Periseach, an Hibheach, agus an Iebusach so; 2 Chruinnich iad an ceann a chéile a chogadh re Iosua, agus re h-Israel, le aon rùn. 3 Agus an uair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua re Iericho, agus re h-Ai; 4 Rinn iadsan mar an ceudna (1) mar a dh’àithn Maois roimhe, a chum gu’m beannaicheadh iad sluagh Israeil. (2) dh’éigh. Eabh. (3) shlios. [TD 19] IOSUA. CAIB. IX. gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gu’m bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asalaibh, agus fion-shearragan (1) a bha sean agus reubta, agus ceangailte suas, 5 Agus brògan a bha sean agus càirichte air an cosaibh, agus sean eudach orra, agus bha aran an lòin uile tioram agus liath. 6 Agus chaidh iad a dh’ionnsuidh Iosua do’n champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus re fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as: a nis uime sin deanaibh coi’-cheangal ruinn. 7 Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnuidh ’nar measg, agus cionnus a dh’fheudas sinne coi’-cheangal a dheanamh ribh? 8 Agus thubhairt iad re Iosua, Is sinne do sheirbhisich. Agus thubhairt Iosua riu, Cò sibh? agus cia as a thàinig sibh? 9 Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro-fhad air astar thàinig do sheirbhisich air sgàth ainm an Tighearna do Dhé: oir chuala sinn iomradh-san, agus gach ni a rinn e san Eiphit, 10 Agus gach ni a rinn e re dà righ nan Amorach, a bha ’n taobh thall do Iordan, re Sihon righ Hesboin, agus re h-Og righ Bhasain, a bha aig Astarot; 11 Uime sin labhair ar seanairean agus uile luchd-àiteachaidh ar dùthcha ruinn, ag ràdh, Gabhaibh lòn ’nar làimh air son an turuis, agus rachaibh ’nan coinneamh, agus abraibh riu, Is sinne bhur seirbhisich; agus a nis deanaibh coi’-cheangal ruinn. 12 An t-aran so againn ghabh sinn teth air son ar lòin a mach as ar tighibh, san là anns an d’thàinig sinn a mach gu dol d’ar n-ionnsuidh-sa; ach a nis feuch, tha e tioram, agus liath: 13 Agus na searragan fiona so a lìon sinn, bha iad nuadh (2), agus feuch, tha iad reubta: agus tha ar n-eudach so agus ar brògan air fàs sean, le ro-fhad na slighe. 14 Agus ghabh na daoine d’am biadh, agus cha d’iarr iad comhairle o bheul an Tighearna. 15 Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coi’-cheangal riu, a leigeil leo bhi beo: agus mhionnaich uachdarain a’ cho’-chruinnich dhoibh. 16 Agus thachair an ceann thri laithean, an déigh dhoibh coi’-cheangal a dheanamh riu, gu’n cual’ iad gu’m b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu’n robh iad a chòmhnuidh ’nam measg. 17 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsuidh am bailtean (3) air an treas là: a nis b’iad am bailte Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim. 18 Agus cha do bhuail clann Israeil iad, a chionn gu’n do mhionnaich uachdarain a’ cho’-chruinnich dhoibh air an Tighearna Dia Israeil: Agus rinn an co’-chruinneach uile gearan (4) an aghaidh nan uachdaran. 19 Ach thubhairt na h-uachdarain uile ris a’ cho’-chruinneach uile, Mhionnaich sinn dhoibh air an Tighearna Dia (1) fion-bhuideil. (2) nomha. (3) caithrichean, bailte cuairtichte le balladh. (4) duarman, monmhor; murmur. Sasg. [TD 20] IOSUA. CAIB. X. Israeil; agus uime sin cha ’n fheud sinn beantuinn riu. 20 So ni sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhi beo, a chum as nach bi fearg Dhé ’nar n-aghaidh, air son nam mionnan a mhionnaich sinn dhoibh. 21 Agus thubhairt na h-uachdarain riu, Leigibh leo bhi beo, ach biodh iad ’nan luchd-gearraidh fiodha, agus ’nan luchd-tarruing uisge do’n cho’-chruinneach uile, mar a gheall na h-uachdarain dhoibh. 22 Agus ghairm Iosua orra, agus labhair e riu, ag ràdh, C’ar son a mheall sibh sinn, ag ràdh, Tha sinn ro-fhada uaibh, an uair a tha sibh a chòmhnuidh ’nar measg? 23 A nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhi ’nar tràillibh agus ’nar luchd-gearraidh fiodha, agus ’nar luchd-tarruing uisge air son tighe mo Dhé. 24 Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gu’n d’innseadh gu cinnteach do d’ sheirbhisich cionnus a dh’àithn an Tighearna do Dhia d’a òglach Maois am fearann uile a thoirt duibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios roimhibh, uime sin bha eagal mòr ar n-anma oirn roimhibh, agus rinn sinn an ni so. 25 Agus a nis feuch, tha sinn a’d’làimh: mar a mheasar maith agus ceart leatsa a dheanamh ruinn, dean. 26 Agus mar so rinn e riu, agus shaor e iad as làimh chloinn Israeil; agus cha do mharbh siad iad. 27 Agus rinn Iosua iad san là sin féin ’nan luchd-gearraidh fiodha, agus ’nan luchd-tarruing uisge do’n cho’-chruinneach, agus do altair an Tighearna, eadhon gus an la ’n diugh, anns an ionad a ròghnaicheadh e. CAIB. X. A NIS an uair a chual’ Adonisedec righ Ierusaleim gu’n do ghlac Iosua Ai, agus gu’n do léir-sgrios se e (mar a rinn e re Iericho agus r’a righ, mar sin gu’n d’rinn e re h-Ai agus r’a righ) agus gu’n d’rinn luchd-àiteachaidh Ghibeoin sìth re h-Israel, agus gu’n robh iad ’nam measg, 2 Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gu’m bu bhaile mòr Gibeon, mar aon do na bailtibh rìoghail, agus do bhrìgh gu’m bu mhò e na Ai, agus gu’n robh a dhaoine uile treun. 3 Uime sin chuir Adonisedec righ Ierusaleim, fios gu Hoham righ Hebroin, agus gu Piram righ Iarmuit, agus gu Iaphia righ Lachis, agus gu Debir righ Egloin, ag ràdh, 4 Thigibh a nìos a m’ionnsuidh-sa, agus cuidichibh leam, a chum as gu’m buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth re Iosua, agus re cloinn Israeil. 5 Uime sin chruinnich cùig righre nan Amorach, righ Ierusaleim, righ Hebroin, righ Iarmuit, righ Lachis, righ Egloin iad féin an ceann a chéile, agus chaidh iad suas, iad féin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad ’na aghaidh. 6 Agus chuir fir Ghibeoin fios, gu Iosua, do’n champ gu Gilgal, ag ràdh, Na deanadh do làmh moille o d’ sheirbhisich; [TD 21] IOSUA. CAIB. X. thig a nìos d’ar n-ionnsuidh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha righre nan Amorach uile a tha ’nan còmhnuidh sna beanntaibh, air cruinneachadh re chéile ’nar n-aghaidh. 7 Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e féin agus an sluagh cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile. 8 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, Na gabh eagal rompa; oir thug mise thairis do d’ làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad. 9 Uime sin thàinig Iosua orra gu h-obann: rè na h-oidhche chaidh e suas o Ghilgal. 10 Agus chlaoidh an Tighearn iad roimh Israel, agus mharbh (1) e iad le h-àr (2) mòr aig Gibeon, agus chuir e’n ruaig orra rathad uchdaich Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah. 11 Agus an uair a bha iad a’ teicheadh roimh Israel, agus iad air leathad Bhet-horoin, thilg an Tighearna clacha mòra orra nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clacha-meallainn, na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh. 12 An sin labhair Iosua ris an Tighearna san là anns an d’thug an Tighearna suas na h-Amoraich roimh chloinn Israeil, agus thubhairt e ’m fianuis Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa a ghealach, air gleann Aialoin. 13 Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach, gus an do dhìol an sluagh iad féin air an naimhdibh. Nach ’eil so scrìobhta ann an leabhar Iaseir? Agus stad a’ ghrian am meadhon nèimh, agus cha d’rinn i cabhag gu dol fuidhe mu thimchioll la iomlain. 14 Agus cha robh la sam bith cosmhuil ris an la sin, roimhe no ’na dhéigh, anns an d’éisd an Tighearna re guth duine: oir chog an Tighearna air son Israeil. [15 Agus phill Iosua, agus Israel uile maille ris, do’n champ gu Gilgal.] 16 Ach theich na cùig righrean ud, agus dh’fholaich siad iad féin ann an uaimh ann am Macedah. 17 Agus dh’innseadh do Iosua, ag ràdh, Fhuaradh na cùig righre folaichte ann an uaimh ann am Macedah. 18 Agus thubhairt Iosua, Caruichibh clacha mòra air beul no h-uamha, agus cuiribh daoine làimh rithe g’an gleidheadh. 19 Agus na stadaibhse, ach rachaibh air tòir bhur naimhde, agus buailibh iadsan a’s deireannaiche dhiubh, na leigibh leo dol a stigh d’am bailtibh; oir thug an Tighearna bhur Dia iad thairis d’ar làimh. 20 Agus an uair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le h-àr ro-mhòr gus an do chuireadh as doibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a steach do na bailtibh daingnichte. 21 Agus phill an sluagh uile do’n champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an (1) bhuail. (2) marbhadh. [TD 22] IOSUA. CAIB. X. aghaidh duine sam bith do chloinn Israeil. 22 An sin thubhairt Iosua, Fosglaibh beul na h-uamha, agus thugaibh a mach a m’ ionnsuidh na cùig righrean ud as an uaimh. 23 Agus rinn iad mar sin, agus thug iad a mach na cùig righrean ud d’a ionnsuidh as an uaimh, righ Ierusaleim, righ Hebroin, righ Iarmuit, righ Lachis, agus righ Egloin. 24 Agus an uair a thug iad a mach na righre sin gu Iosua, ghairm Iosua air fearaibh Israeil uile, agus thubhairt e re ceannardaibh nam fear-cogaidh a chaidh maille ris, Thigibh am fagus, cuiribh bhur cosan air muinealaibh nan righ sin. Agus thainig iad am fagus, agus chuir iad an cosan air am muinealaibh. 25 Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fuidh gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar so ni ’n Tighearna r’ar naimhdibh uile ris am bheil sibh a’ cogadh. 26 Agus an deigh sin bhuail Iosua iad, agus mharbh e iad, agus chroch e iad air cùig crannaibh: agus bha iad an crochadh air na crannaibh gu feasgar. 27 Agus an àm dol fuidhe (1) na gréine dh’àithn Iosua, agus thug iad a nuas iad o na crannaibh, agus thilg siad iad san uaimh anns an d’fholaich siad iad féin, agus chuir iad clacha mòra am beul na h-uamha, a tha làthair gus a’ cheart la so. 28 Agus air an la sin féin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail se e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a righ sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bh’ ann; cha d’fhàg e neach air bith beo: agus rinn e re righ Mhacedah, mar a rinn e re righ Iericho. 29 An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e ’n aghaidh Libnah. 30 Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a righ, do làimh Israeil, agus bhuail se e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h-anman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beo ann, ach rinn e r’a righ, mar a rinn e re righ Iericho. 31 Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus champaich e ’na aghaidh, agus chog e ’na aghaidh. 32 Agus thug an Tighearna thairis Lachis do làimh Israeil, agus ghlac se e air an dara là, agus bhuail se e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann, a réir nan uile nithe a rinn e air Libnah. 33 An sin thàinig Horam righ Gheseir a nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e h-aon air bith beo aige. 34 Agus chaidh Iosua agus Israel uile maille ris, o Lachis gu h-Eglon, agus champaich iad ’na aghaidh, agus chog iad ’na aghaidh. 35 Agus ghlac iad e air an la sin féin, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann sgrios e gu tur san la sin, a réir nan uile nithe a rinn e re Lachis. (1) fodha. [TD 23] IOSUA. CAIB. XI. 36 Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, suas o Eglon gu Hebron, agus chog iad ’na aghaidh. 37 Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a righ, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e h-aon air bith beo (a réir nan uile nithe a rinn e re h-Eglon) ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann. 38 Agus phill Iosua, agus Israel uile maille ris, gu Debir, agus chog e ’na aghaidh. 39 Agus ghlac se e, agus a righ, agus a bhailtean uile, agus bhuail siad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus léir-sgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e h-aon air bith beo: mar a rinn e re Hebron, mar sin rinn e re Debir, agus r’a righ; agus mar a rinn e re Libnah, agus r’a righ. 40 Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h-airde deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an righrean uile: cha d’fhàg e h-aon air bith beo, ach leir-sgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil. 41 Agus bhuail Iosua iad o Chades-barnea gu ruig Gasa, agus tìr Ghosein uile gu ruig Gibeon. 42 Agus na righre sin uile, agus am fearann ghlac Iosua dh’aon tarruing (1), do bhrigh gu’n do chog an Tighearna Dia Israeil air son Israeil. 43 Agus phill Iosua, agus Israel uile maille ris, do’n champ gu Gilgal. CAIB. XI. AGUS an uair a chuala Iabin righ Hasoir na nithe sin chuir e fios gu Iobab righ Mhadoin, agus gu righ Shimroin, agus gu righ Achsaiph, 2 Agus a dh’ionnsuidh nan righ a bha mu thuath anns na beanntaibh, agus anns a’ chòmhnard mu dheas do Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochaibh Dhoir, air an làimh an iar; 3 Agus a dh’ionnsuidh a’ Chanaanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsuidh an Amoraich, agus an Hitich, agus a’ Pherisich, agus an Iebusaich anns na beanntaibh, agus a dh’ionnsuidh an Hibhich fuidh Hermon, ann an tìr Mhispeh. 4 Agus chaidh iad a mach, iad féin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar an gaineamh a ta air tràigh na fairge thaobh lìonmhoireachd, le h-eachaibh agus carbadaibh ro-lìonmhor. 5 Agus an uair a bha na righre sin uile air coinneachadh a chéile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachaibh Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil. 6 Agus thubhairt an Tighearna re Iosua, Na biodh eagal ort rompa: oir am màireach mu’n àm so bheir mise suas iad uile marbh am fianuis Israeil: gearraidh tu iosgaidean (2) an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine. 7 Agus thàinig Iosua, agus (1) san aon àm. (2) easgaidean. [TD 24] IOSUA. CAIB. XI. an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachaibh Mheroim gu h-obann, agus bhuail iad orra. 8 Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sidon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail siad iad, gus nach d’fhàg iad aon diubh beo. 9 Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: ghearr e iosgaidean an each, agus loisg e ’n carbadan le teine. 10 Agus phill Iosua san àm sin air ais, agus ghlac e Hasor, agus bhuail e a righ leis a’ chlaidheamh: oir b’e Hasor roimhe sin ceann nan rìoghachda sin uile. 11 Agus bhuail iad na h-anman uile a bha ann le faobhar a’ chlaidheimh ’gan léir-sgrios: cha d’fhàgadh aon anns an robh anail; agus loisg e Hasor le teine. 12 Agus uile bhailte nan righ sin, agus an righrean uile ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois òglach an Tighearna. 13 Ach a thaobh nam bailte sin uile a sheas a ghnàth ’nan neart (1), cha do loisg Israel aon diubh sin, saor o Hasor a mhàin; sin loisg Iosua. 14 Agus uile chreach nam bailte sin, agus an spréidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhoibh féin: bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as doibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail. 15 Mar a dh’áithn an Tighearna d’a òglach Maois, mar sin dh’àithn Maois do Iosua, agus mar sin rinn Iosua: cha d’fhàg e ni gun deanamh do na h-uile a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 16 Mar sin ghlac Iosua am fearann sin uile, na sléibhte, agus an tìr mu dheas uile, agus fearann Ghosein uile, agus an gleann, agus an còmhnard, agus sliabh Israeil, agus a ghleann: 17 O shliabh Halaic, a tha dol suas gu Seir, eadhon gu Baal gad ann an gleann Lebanoin, fuidh shliabh Hermoin: agus an righrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad. 18 Rè ùine fhada (2) rinn Iosua cogadh ris na righribh sin uile. 19 Cha robh baile mòr (3) air bith a rinn sìth re cloinn Israeil, saor o na Hibhich luchd-àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath. 20 Oir b’ann o’n Tighearn a bha e an cridheachan a chruadhachadh, chum gu’n d’thigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a chum gu’n sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhoibh, ach gu’n cuireadh e as doibh, mar a dh’áithn an Tighearna do Mhaois. 21 Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus ghearr e as na h-Anacaich (4) o na sléibhtibh, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntaibh Iudah uile, (1) a sheas air an dùn, air an cnoc. Eabh. (2) iomadh la. Eabh. (3) cathair, baile cuairtichte le balladh. (4) clann Anaic. [TD 25] IOSUA. CAIB. XII. agus o bheanntaibh Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad le’m bailtibh. 22 Cha d’fhàgadh aon do na h-Anacaich ann am fearann chloinn Israeil: a mhàin ann an Gasah, ann an Gat, agus ann an Asdod dh’fhàgadh iad. 23 Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a réir nan uile a thubhairt an Tighearna re Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earranaibh a réir an treubha. Agus fhuair an tìr fois o chogadh. CAIB. XII. A NIS is iad so righrean an fhearainn, a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iordain leth re éirigh na gréine, o shruth (1) Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear. 2 Sihon righ nan Amorach, a bha chòmhnuidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t-srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: 3 Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h-airde ’n ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h-airde ’n ear, an t-slighe gu Bet-iesimot; agus o’n airde deas, fuidh Asdot-pisgah. 4 Agus crìoch Og righ Bhasain, a bha dh’ iarmad nam famhairean (2) a bha chòmhnuidh ann an Astarot, agus ann an Edrei, 5 Agus a rìoghaich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin righ Hesboin. 6 Iadsan bhuail Maois òglach an Tighearn agus clann Israeil, agus thug Maois òglach an Tighearn e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth thréibh Mhanaseh. 7 Agus is iad so righre na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh so do Iordan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin eadhon gu sliabh Halaic, a tha dol suas gu Seir, a thug Iosua do threubhaibh Israeil mar sheilbh, a réir an roinnean: 8 Anns na beanntaibh, agus anns na gleanntaibh, agus anns na còmhnardaibh, agus anns na tobraichibh, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h-Amoraich, agus na Canaanaich, na Perisich, na Hibhich, agus na Iebusaich. 9 Righ Iericho, aon: righ Ai, a tha làimh re Betel, aon: 10 Righ Ierusaleim, aon: righ Hebroin, aon: 11 Righ Iarmuit, aon: righ Lachis, aon: 12 Righ Egloin, aon: righ Gheseir, aon: 13 Righ Dhebir, aon: righ Ghedeir, aon: 14 Righ Hormah, aon: righ Araid, aon: (1) abhuinn. (2) fomhairean, athach. [TD 26] IOSUA. CAIB. XIII. 15 Righ Libnah, aon: righ Adulaim, aon: 16 Righ Mhacedah, aon: righ Bhet-eil, aon: 17 Righ Thapuah, aon: righ Hepheir, aon: 18 Righ Apheic, aon: righ Lasaroin, aon: 19 Righ Mhadoin, aon: righ Hasoir, aon: 20 Righ Shimron-meroin, aon: righ Achsaiph, aon: 21 Righ Thaanaich, aon: righ Mhegido, aon; 22 Righ Chedeis, aon: righ Iocneaim o Charmel, aon: 23 Righ Dhoir ann an crìch Dhoir, aon: righ chinneacha Ghilgail, aon: 24 Righ Thirsah, aon: na righrean uile, deich thar fhichead agus aon. CAIB. XIII. A NIS bha Iosua sean agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnaibh (1); agus thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa sean agus air teachd air t’aghaidh am bliadhnaibh, agus tha fathast ro-mhòran fearainn r’a shealbhachadh. 2 Is e so am fearann a tha fathast a làthair: uile chrìocha nam Philisteach, agus Gesuri uile, 3 O Shihor, a ta fa chomhair na h-Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar do’n Chanaanach: cùig tighearnan nam Philisteach; na Gasataich, agus na h-Asdodaich, na h-Escalonaich, na Gitich, agus na h-Ecronaich, agus na Habhaich. 4 O’n taobh mu dheas, uile fhearann nan Canaanach, agus Mearah a ta làimh ris na Sidonaich, gu Aphec, gu crìch nan Amorach: 5 Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth re éirigh na gréine, o Bhaal-gad fuidh shliabh Hermoin, gu ruig an dol a stigh do Hamat. 6 Uile luchd-àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot-maim, agus na Sidonaich uile, iadsan fògraidh mi mach roimh chloinn Israeil: a mhàin roinn e le crannchur do na h-Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhuit. 7 Anis uime sin, roinn am fearann so mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth-thréibh Mhanaseh. 8 Maille ris an leth-thréibh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd-san a thug Maois doibh, an taobh thall do Iordan a làimh na h-airde ’n ear, eadhon mar a thug Maois òglach an Tighearna dhoibh: 9 O Aroer a ta air bruaich sruth (2) Arnoin, agus am baile (3) a tha ann am meadhon an t-srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon: 10 Agus uile bhailte Shihoin, righ nan Amorach, a rìoghaich ann an Hesbon, gu crìch chloinn Amoin: 11 Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah: 12 Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìoghaich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair do iarmad (4) nam famh- (1) laithibh. Eabh. (2) aibhne. (3) a’ chathair. (4) fhuigheall. [TD 27] IOSUA. CAIB. XIII. airean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e mach iad. 13 Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a mach na Gesuraich, no na Maachataich: ach tha na Gesuraich agus na Maachataich ’nan còmhnuidh am measg nan Israeleach gus an la’n diugh. 14 A mhàin do thréibh Lebhi cha d’thug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dé Israeil a bheirear suas le teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu. 15 Agus thug Maois do thréibh chloinn Reubein oighreachd a réir an teaghlaichean: 16 Agus bha ’n crìoch o Aroer a ta air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t-srutha, agus an còmhnard uile gu (1) Medebah: 17 Hesbon agus a bhailtean uile a tha sa’ chòmhnard: Dibon, agus Bamot-baal, agus Bet-baal-meon. 18 Agus Iahasa, agus Cedemot, agus Mephaat, 19 Agus Ciriataim, agus Sibmah, agus Saret-sahar ann an sliabh a’ ghlinne. 20 Agus Bet-peor, agus Asdod-pisgah, agus Bet-iesimot, 21 Agus uile bhailtean a’ chòmhnaird, agus uile rìoghachd Shihoin righ nan Amorach, a rìoghaich ann an Hesbon, a bhuail Maois maille re ceannardaibh Mhidiain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Rebah, cinn-fheadhna Shihoin, a bha chòmhnuidh san tìr. 22 Balaam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche (2) mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh ’nam measg-san a mharbhadh leo. 23 Agus b’i crìoch chloinn Rheubein, Iordan agus a crìoch-san. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a réir an teaghlaichean, na bailte mòra (3) agus am bailte beaga (4). 24 Agus thug Maois oighreachd do thréibh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a réir an teaghlaichean. 25 Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailte Ghilead, agus leth fearainn chloinn Amoin, gu Aroer a ta fa chomhair Rabah: 26 Agus o Hesbon gu Ramat-mhispeh, agus Betonim: agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir: 27 Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet-nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile do rìoghachd Shihoin righ Hesboin, Iordan agus a crìoch, eadhon gu oir (5) fairge Chineret, air taobh eile Iordain a làimh na h-airde ’n ear. 28 B’i sin oighreachd chloinn Ghad a réir an teaghlaichean, na bailte mòra agus am bailte beaga. 29 Agus thug Maois oighreachd do leth-thréibh Mhanaseh: agus b’i so sealbh leth-thréibh chloinn Mhanaseh, a réir an teaghlaichean: 30 Agus bha ’n crìoch o Mhahanaim; Basan uile, uile rìoghachd Og righ Bhasain, agus uile bhailte Iair, a ta ann am Basan, tri fichead baile mòr: 31 Agus leth Ghilead, agus (1) làimh re. (2) fear-fàistineachd. (3) caithriche, bailte daingnichte. (4) frith-bhailte. (5) foir. [TD 28] IOSUA. CAIB. XIV. Astarot, agus Edrei, bailte rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a réir an teaghlaichean. 32 Is iad sin na dùchanna a roinn Maois mar oighreachd ann an còmhnardaibh Mhoaib, air an taobh eile do Iordan làimh re Iericho, air an taobh an ear. 32 Ach do thréibh Lebhi cha d’thug Maois oighreachd: b’e ’n Tighearna Dia Israeil e fein an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu. CAIB. XIV. AGUS is iad so na dùchanna a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanaain, a roinn Eleasar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn-fheadhna aithriche threubha chloinn Israeil mar oighreachd dhoibh. 2 Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhaibh agus an leth-thréibh. 3 Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà thréibh, agus do leth-thréibh, air an taobh eile do Iordan: ach do na Lebhithich cha d’thug e oighreachd sam bith ’nam measg. 4 Oir bha clann Ioseph ’nan dà thréibh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha d’thug iad roinn sam bith do na Lebhithich san fhearann, saor o bhailtibh gu còmhnuidh ghabhail annta, maille r’am fearann comh-roinn d’an spréidh, agus d’am maoin. 5 Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil, agus roinn iad am fearann. 6 An sin thàinig clann Iudah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Caleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fios agad air an ni a thubhairt an Tighearna re Maois òglach Dhé, a m’ thaobhs’ agus a d’ thaobh féin, ann an Cades-barnea. 7 Dà fhichead bliadhna a dh’aois bha mise ’nuair a chuir Maois òglach Dhé mi o Chades-barnea, a rannsachadh a mach an fhearainn; agus thug mi air ais fios d’a ionnsuidh, mar a bha e ann am chridhe. 8 Gidheadh, thug mo bhràithrean a chaidh suas maille rium, air cridhe an t-sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h-iomlan an Tighearna mo Dhia. 9 Agus mhionnaich Maois air an là sin, ag ràdh, Gu cinnteach bithidh am fearann air an do shaltair do chos, agad féin mar oighreachd, agus aig do chloinn gu bràth; a cheann gu’n do lean thu gu h-iomlan an Tighearna mo Dhia. 10 Agus a nis feuch, ghléidh an Tighearna mi beo, mar a thubhairt e, na cùig agus an dà fhichead bliadhna so, eadhon o labhair an Tighearn am focal so re Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach: agus a nis feuch, tha mi ’n diugh ceithir fichead agus cùig bliadhna dh’aois. 11 Fathast tha mi co làidir an diugh as a bha mi san là anns an do chuir Maois uaith mi: mar a bha mo neart an sin, mar sin tha mo neart a nis, chum [TD 29] IOSUA. CAIB. XV. cogaidh, agus a dhol a mach, agus a theachd a steach. 12 A nis uime sin thoir dhomh a’ bheinn so, mu’n do labhair an Tighearna san la ud (oir chuala tu san la ud cionnus a bha na Hanacaich an sin, agus gu’n robh na bailte mòr agus daingnichte) ma tharlas gu’m bi ’n Tighearna leam, an sin fògraidh mi mach iad, mar a thubhairt an Tighearna. 13 Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chaleb mac Iephuneh, Hebron mar oighreachd. 14 Rinneadh uime sin Hebron ’na oighreachd do Chaleb, mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an la ’n diugh; a cheann gu’n do lean e gu h-iomlan an Tighearna Dia Israeil. 15 Agus b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba: bha’n t-Arba so ’na dhuine mòr am measg nan Anacach. Agus bha fois aig an tìr o chogadh. CAIB. XV. B’E so uime sin crannchur tréibhe chloinn Iudah a réir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin re deas o’n chuid a’s fhaide mach do’n iomall dheas. 2 Agus bha ’n crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, o ’n chamus (1) a tha ’g amharc re deas. 3 Agus chaidh i mach a dh’ionnsuidh an taoibh mu dheas gu h-uchdach (2) Acrabim, agus ghabh i air a h-aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cades-barnea, agus chaidh i air a h-aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu h-Adar, agus ghabh i mu’n cuairt gu Carcaa. 4 Uaith sin ghabh i dh’ionnsuidh Asmoin, agus chaidh i mach gu abhainn na h-Eiphit, agus bha dol a mach na crìche sin aig a’ mhuir: bithidh so agaibh ’na crìch (3) mu dheas. 5 Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iordain: agus bha ’n crìoch air an taobh mu thuath o chamus na mara, aig a’ chuid a b’fhaide mach do Iordan. 6 Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Bet-hogla, agus ghabh i air a h-aghaidh air an taobh mu thuath do Bhetarabah, agus chaidh a’ chrìoch suas gu cloich Bhohain mhic Reubein. 7 Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus re tuath ag amharc re Gilgal, a ta fa chomhair uchdaich Adumim, a ta air taobh deas na h-aibhne: agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachaibh En-semeis, agus bha a dol a mach aig En-rogel. 8 Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mhic Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha roimh ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a ta aig ceann glinne nam famhairean re tuath. 9 Agus thairngeadh (4) a’ chrìoch o mhullach an t-sléibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i mach gu bailtibh sléibh Ephroin, agus thairngeadh a’ chrìoch gu Baalah; (is e sin Ciriat-iearim.) (1) teanga. Eabh. (2) dìreadh; Maaleh. Eabh. (3) b’i so bu chrìoch dhoibh. (4) chomharaicheadh. [TD 30] IOSUA. CAIB. XV. 10 Agus chaidh a’ chrìoch mu ’n cuairt o Bhaalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sléibh Iearim (is e sin Chesalon) air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h-aghaidh gu Timnah: 11 Agus chaidh a’ chrìoch a mach gu taobh Ecroin re tuath; agus thairngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhaalah, agus chaidh i mach gu Iabneel; agus bha dol a mach na crìche aig a’ mhuir. 12 Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir, agus a h-oirthir (1): b’i sin crìoch chloinn Iudah mu’n cuairt, a réir an teaghlaichean. 13 Agus do Chaleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iudah, a réir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah athar Anaic: (is e sin Hebron.) 14 Agus dh’fhògair Caleb a mach as sin triùr mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic. 15 Agus chaidh e suas o sin gu luchd-àiteachaidh Dhebir: agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat-sepher. 16 Agus thubhairt Caleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhasan bheir mi Achsah mo nighean ’na mnaoi. 17 Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthar Chaleib e; agus thug e dha Achsah a nighean ’na mnaoi. 18 Agus tharladh, ’nuair a thàinig i d’a ionnsuidh, gu ’n do bhrosnuich i e gu achadh iarraidh air a h-athair: agus theirinn i bhàrr a h-asail; agus thubhairt Caleb rithe, Ciod a b’àill leat? 19 Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobair uisge: agus thug e dhi na tobair uachdarach, agus na tobair ìochdarach. 20 B’i sin oighreachd tréibhe chloinn Iudah, a réir an teaghlaichean. 21 Agus b’iad na bailtean a b’fhaide mach le tréibh chloinn Iudah, leth re crìch Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, agus Iagur, 22 Agus Cinah, agus Dimonah, agus Adadah, 23 Agus Cedes, agus Hasor, agus Itnan, 24 Siph, agus Telem, agus Bealot, 25 Agus Hasor, Hadatah, agus Ceriot, agus Hesron, (is e sin Hasor) 26 Amam, agus Sema, agus Moladah, 27 Agus Hasar-gadah, agus Hesmon, agus Bet-palet, 28 Agus Hasar-sual, agus Beerseba, agus Bis-iotiah, 29 Baalah, agus Iim, agus Asem, 30 Agus Eltolad, agus Chesil, agus Hormah, 31 Agus Siclag, agus Madmanah, agus Sansanah, 32 Agus Lebaot, agus Silhim, agus Ain, agus Rimon: b’iad na mòr-bhailtean (2) uile naoi thar fhichead, maille r’am bailtibh beaga. (1) eirthir. (2) caithriche, bailte daingnichte. [TD 31] IOSUA. CAIB. XVI. 33 Agus anns a’ chòmhnard, Estaol, agus Soreah, agus Asnah, 34 Agus Sanoah, agus Enganim, Tapuah, agus Enam, 35 Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah, 36 Agus Saraim, agus Aditaim, agus Gederah, agus Gederotaim; ceithir mòr-bhailte deug le’m bailtibh beaga. 37 Senan, agus Hadasah, agus Migdal-gad, 38 Agus Dilean, agus Mispeh, agus Iocteel, 39 Lachis, agus Boscat, agus Eglon, 40 Agus Cabon, agus Lahmas, agus Citlis, 41 Agus Gederot, Bet-dagon, agus Naamah, agus Macedah; sè mòr-bhailte deug le’m bailtibh beaga. 42 Libnah, agus Eter, agus Asan, 43 Agus Iiphtah, agus Asnah, agus Nesib, 44 Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah; naoi bailte mòra le’m bailtibh beaga. 45 Ecron le bhailtibh a’s mò (1), agus a bhailtibh beaga. 46 O Ecron, eadhon gus an fhairge, iadsan uile a bha làimh re Asdod, le’m bailtibh beaga. 47 Asdod le bhailtibh a’s mò agus a bhailtibh beaga, Gasah le bhailtibh a’s mò agus a bhailtibh beaga, gu abhainn na h-Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìoch. 48 Agus anns na beanntaibh, Samir, agus Iatir, agus Socoh, 49 Agus Danah, agus Ciriat-sanah, (eadhon Debir) 50 Agus Anab, agus Estemoh, agus Anim, 51 Agus Gosen, agus Holon, agus Giloh; aon mhòr-bhaile deug, le’m bailtibh beaga. 52 Arab, agus Dumah, agus Esean, 53 Agus Ianum, agus Bet-tapuah, agus Aphecah, 54 Agus Humtah, agus Ciriat-arbah, (is e sin Hebron) agus Sior; naoi bailte mòra, le’m bailtibh beaga. 55 Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah, 56 Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanoah, 57 Cain, Gibeah, agus Timnah; deich bailte mòra le’m bailtibh beaga. 58 Halhul, Bet-sur, agus Gedor, 59 Agus Maarat, agus Bet-anot, agus Eltecon; sè bailte mòra le’m bailtibh beaga. 60 Ciriat-baal, (is e sin Ciriat-iearim) agus Rabah; dà bhaile mòr le’m bailtibh beaga. 61 San fhàsach, Bet-arabah, Midin, agus Secacah, 62 Agus Nibsan, agus baile an t-salainn (2), agus En-gedi; sè bailte mòra le’m bailtibh beaga. 63 A thaobh nan Iebusach luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iudah am fògradh a mach: ach tha na Iebusaich ’nan còmhnuidh maille re cloinn Iudah ann an Ierusalem gus an la ’n diugh. CAIB. XVI. AGUS chaidh (3) crannchur chloinn Ioseph a mach o Iordan làimh re Iericho gu uisgeachaibh Iericho air an làimh an ear, dh’ionnsuidh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil. (1) a nigheana. Eabh. (2) Air-mele. Eabh. (3) thuit. [TD 32] IOSUA. CAIB. XVII. 2 Agus tha e dol a mach o Bhetel gu Lus, agus a’ gabhail seachad gu crìochaibh Archi gu Atarot, 3 Agus a’ gabhail sìos a làimh na h-airde ’n iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Geser: agus tha a dhol a mach aig an fhairge. 4 Mar sin ghabh clann Ioseph, Manaseh agus Ephraim, an oighreachd. 5 Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a réir an teaghlaichean, mar so: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach. 6 Agus chaidh a’ chrìoch a mach a dh’ionnsuidh na fairge gu Michmetah air an taobh mu thuath, agus chaidh a’ chrìoch mu ’n cuairt a làimh na h-airde ’n ear gu Taanot-siloh, agus ghabh i seachad air an taobh an ear gu Ianohah: 7 Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i mach aig Iordan. 8 Chaidh a’ chrìoch a mach o Thapuah a làimh na h-airde ’n iar gu sruth (1) Chanah: agus bha a dol a mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd tréibhe chloinn Ephraim, a réir an teaghlaichean. 9 Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile le’m bailtibh beaga. 10 Agus cha d’fhògair iad a mach na Canaanaich a bha chòmhnuidh ann an Geser: ach tha na Canaanaich ’nan còmhnuidh am measg nan Ephraimeach gus an la ’n diugh; agus tha iad a’ deanamh seirbhis dhoibh fuidh chìs. CAIB. XVII. BHA mar an ceudna crannchur aig tréibh Mhanaseh, (oir b’esan ceud-ghin Ioseph) eadhon aig Machir ceud-ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gu’m b’fhear cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige. 2 Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile do chloinn Mhanaseh a réir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann-mhac Mhanaseh, mhic Ioseph, a réir an teaghlaichean. 3 Ach aig Selophehad mac Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, cha robh mic, ach nigheana: agus is iad so ainmeanna a nigheana, Mahlah, agus Noah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah. 4 Agus thàinig iad am fagus an làthair Eleasair an t-sagairt, agus an làthair Iosua mhic Nuin, agus an làthair nan uachdaran, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna do Mhaois oighreachd a thoirt duinne am measg ar bràithrean: uime sin a réir àithne an Tighearna, thug e dhoibh oighreachd am measg bhràithrean an athar. 5 Agus thuit air Manaseh deich cuibhrionna, thuilleadh air fearann Ghilead agus Bhasain, a bh’air an taobh eile do Iordan; (1) abhainn. [TD 33] IOSUA. CAIB. XVII. 6 A chionn gu’n robh aig nigheana Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile do mhacaibh Mhanaseh. 7 Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h-aghaidh air an làimh dheis gu luchd-àiteachaidh Entapuah. 8 A nis bha aig Manaseh fearann Thapuah: ach Tapuah air crìch Mhanaseh bu le cloinn Ephraim. 9 Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu sruth (1) Chanah mu dheas do’n t-sruth: bha bailte sin Ephraim am measg bhailte Mhanaseh: bha mar an ceudna crìoch Mhanaseh air an taobh mu thuath do’n t-sruth, agus bha a dol a mach aig an fhairge. 10 An taobh mu dheas bu le Ephraim, agus an taobh mu thuath bu le Manaseh, agus b’i an fhairge a chrìoch, agus choinnich iad a chéile ann an Aser air an taobh mu thuath, agus ann an Isachar air an taobh an ear. 11 Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet-sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Endoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon tri dùchanna. 12 Gidheadh cha b’urrainn clann Mhanaseh luchd-àiteachaidh nam bailte sin fhògradh a mach, ach b’àill leis na Canaanaich còmhnuidh ghabhail san tìr sin. 13 Gidheadh tharladh ’nuair a dh’fhàs clann Israeil làidir, gu’n do chuir iad na Canaanaich fuidh chìs; ach cha d’fhògair iad gu tur a mach iad. 14 Agus labhair clann Ioseph re Iosua, ag ràdh, C’ar son nach d’thug thu dhomhsa ach aon chrannchur agus aon chuibhrionn r’an sealbhachadh, agus gur sluagh mòr mi, agus gu’n do bheannaich an Tighearna mi gus a so. 15 Agus fhreagair Iosua iad, Ma’s sluagh mòr thu, imich suas do’n choilltich, agus gearr sìos (2) dhuit féin àit an sin ann am fearann nam Periseach, agus nam famhairean, ma tha sliabh Ephraim ro-chumhaing duit. 16 Agus thubhairt clann Ioseph, Cha leòr an sliabh dhuinne: agus tha aig na Canaanaich uile a tha chòmhnuidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iaruinn, an dà chuid aca-san a tha ann an Bet-sean agus ’na bhailtibh, agus aca-san a tha ann an glean Iesreeil. 17 Agus labhair Iosua re tigh Ioseph, re h-Ephraim, agus re Manaseh, ag ràdh, Is sluagh mòr thu, agus tha cumhachd mòr agad; cha bhi agad aon chrannchur a mhàin. 18 Ach bithidh an sliabh agadsa, oir is coille e; agus gearraidh tu sìos i: agus bithidh a dhol a mach agad: oir fògraidh tu mach na Canaanaich, ge do tha carbadan iaruinn aca, agus ge do tha iad làidir. (1) abhainn. (2) réitich. [TD 34] IOSUA. CAIB. XVIII. CAIB. XVIII. AGUS chruinnich coi’-thional chloinn Israeil uile an ceann a chéile aig Siloh, agus chuir iad suas pàilliun a’ choi’-thionail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr rompa. 2 Agus bha fathast am measg chloinn Israeil seachd treubha, nach d’fhuair an oighreachd. 3 Agus thubhairt Iosua re cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna Dia bhur n-aithriche dhuibh? 4 Thugaibh a mach dhomhsa as bhur measg triùr dhaoine as gach tréibh: agus cuiridh mi uam iad, agus éiridh iad, agus théid iad tre’n fhearann, agus tairngidh (1) iad e a réir an oighreachd-san, agus thig iad a m’ ionnsuidhs’ a rìs. 5 Agus roinnidh iad e ’na sheachd earrannaibh: fanaidh Iudah ’na chrìch féin air an taobh mu dheas, agus fanaidh tigh Ioseph ’na chrìch féin air an taobh mu thuath. 6 Uime sin tairngidh sibh am fearann ’na sheachd earrannaibh, agus bheir sibh an tarruing (2) an so a m’ ionnsuidhse, chum gu’n tilg mi croinn air bhur son an so an làthair an Tighearn ar Dé. 7 Ach cha ’n’eil aig na Lebhithich roinn sam bith ’nar measg, oir is i sagartachd an Tighearn an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth thréibh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall do Iordan air an làimh an ear, a thug Maois òglach an Tighearna dhoibh. 8 Agus dh’éirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhoibhsan a chaidh a tharruing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tre’n fhearann, agus tairngibh e, agus thigibh a rìs a m’ ionnsuidhse, chum gu’n tilg mi an so croinn air bhur son an làthair an Tighearn ann an Siloh. 9 Agus dh’imich na daoine, agus chaidh iad tre’n fhearann, agus tharruing iad e a réir a bhailte, ’na sheachd earrannaibh, ann an leabhar, agus thàinig iad gu Iosua do’n champ aig Siloh. 10 Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil a réir an roinnean. 11 Agus thàinig crannchur tréibhe chloinn Bheniamin a mach a réir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a mach eadar clann Iudah agus clann Ioseph. 12 Agus bha ’n crìoch air an taobh mu thuath o Iordan, agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tre’n mhonadh a làimh na h-airde ’n iar, agus bha a dol a mach aig fàsach Bhet-abhen. 13 Agus chaidh a’ chrìoch thairis o sin gu Lus, gu taobh Luis (is e sin Betel) re deas, agus chaidh a’ chrìoch sìos gu Atarot-adar, am fagus do’n t-sliabh a tha air an taobh dheas do Bhet-horon ìochdarach. 14 Agus thairngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuairtich i oisinn na mara re deas, o’n t-sliabh a tha (1) scrìobhaidh no comharaichidh iad sìos. (2) an samhladh, an coslas. [TD 35] IOSUA. CAIB. XIX. fa chomhair Bhet-horoin re deas: agus bha a dol a mach aig Ciriat-baal, (is e sin Ciriat-iearim) baile le cloinn Iudah: b’i sin a’ chearna an iar. 15 Agus bha a’ chearna mu dheas o cheann Chiriat-iearim, agus chaidh a’ chrìoch a mach air an làimh an iar, agus ghabh i mach gu tobar uisgeacha Nephtoah. 16 Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu ceann na beinne, a tha fa chomhair glinne mhic Hinoim, a tha ann an gleann nam famhairean air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu gleann Hinoim, gu taobh Iebusi air an làimh dheis, agus ghabh i sìos gu En-rogel. 17 Agus thairngeadh i o’n taobh mu thuath, agus ghabh i air a h-aghaidh gu En-semes, agus chaidh i mach a dh’ionnsuidh Ghelilot, a ta thall fa chomhair uchdaich Adumim, agus ghabh i sìos gu cloich Bhohain mhic Reubein. 18 Agus ghabh i air a h-aghaidh chum na taoibh thall fa chomhair Arabah mu thuath, agus chaidh i sìos gu Arabah. 19 Agus ghabh a’ chrìoch thairis gu taobh Bhet-hoglah mu thuath: agus bha dol a mach na crìche aig a’ chamus mu thuath do’n mhuir shalainn, aig ceann Iordain mu dheas: b’i sin a’ chrìoch mu dheas. 20 Agus b’e Iordan a chrìoch air an làimh an ear. B’i sin oighreachd chloinn Bheniamin, le a crìochaibh mu’n cuairt, a réir an teaghlaichean. 21 A nis b’iad bailtean mòra (1) tréibhe chloinn Bheniamin a réir an teaghlaichean, Iericho, agus Bet-hoglah, agus gleann Chesis, 22 Agus Bet-arabah, agus Semaraim, agus Betel, 23 Agus Abhim, agus Parah, agus Ophrah, 24 Agus Chephar-haamonai, agus Ophni, agus Gabah; dà mhòr-bhaile dheug le’m bailtibh beaga. 25 Gibeon, agus Ramah, agus Beerot, 26 Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah, 27 Agus Rechem, agus Irpeel, agus Taralah, 28 Agus Selah, Eleph, agus Iebus, (is e sin Ierusalem:) Gibeat, agus Ciriat; ceithir mòr-bhailte deug le’m bailtibh beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniamin a réir an teaghlaichean. CAIB. XIX. AGUS thàinig an dara crannchur a mach do Shimeon, eadhon do thréibh chloinn Shimeoin, a réir an teaghlaichean: agus bha ’n oighreachd-san am meadhon oighreachd chloinn Iudah. 2 Agus bha aca ’nan oighreachd, Beer-sebah, agus Sebah, agus Moladah, 3 Agus Hasar-sual, agus Balah, agus Asem, 4 Agus Eltolad, agus Betel, agus Hormah, 5 Agus Siclag, agus Bet-marcabot, agus Hasar-susah, 6 Agus Bet-lebaot, agus Saruhen; tri mòr-bhailte deug agus am bailte beaga. 7 Ain, Remon, agus Eter, agus Asan; ceithir bailte mòra le ’m bailtibh beaga. (1) caithriche. [TD 36] IOSUA. CAIB. XIX. 8 Agus na bailtean beaga uile a bha mu thimchioll nam bailte mòra sin, gu Balat-beer-ramat mu dheas. B’i sin oighreachd tréibhe chloinn Shimeoin a réir an teaghlaichean. 9 A mach a crannchur chloinn Iudah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhrionn chloinn Iudah ro-mhòr dhoibh: uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd-san. 10 Agus thàinig an treas crannchur a mach air son chloinn Shebuluin, a réir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd-san gu Sarid. 11 Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsuidh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim, 12 Agus phill i o Shared a làimh na h-airde ’n ear, leth re éirigh na gréine, gu crìch Chislot-taboir: agus an sin tha i dol a mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia, 13 Agus o sin a’ gabhail thairis air an làimh an ear gu Gitah-hepher, gu Itah-casin, agus a’ dol a mach gu Remon-metoar gu Neah. 14 Agus tha a’ chrìoch a’ dol mu’n cuairt mu thuath gu Hanaton: agus tha a dol a mach ann an gleann Iiphtah-el, 15 Agus Catat, agus Nahalal, agus Simron, agus Idalah, agus Bet-lehem; dà mhòr-bhaile dheug le’m bailtibh beaga. 16 B’i sin oighreachd chloinn Shebuluin, a réir an teaghlaichean, na bailte mòra sin le’m bailtibh beaga. 17 Thàinig an ceathramh crannchur a mach do Isachar, air son chloinn Isachair, a réir an teaghlaichean. 18 Agus b’i an crìoch Iesreel, agus Chesulot, agus Sunem, 19 Agus Hapharim, agus Siaon, agus Anaharat, 20 Agus Rabit, agus Cision, agus Abes, 21 Agus Remet, agus En-ganim, agus En-hadah, agus Bet-pases; 22 Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a mach an crìche aig Iordan; sè mòr-bhailte deug le’m bailtibh beaga. 23 B’i sin oighreachd tréibhe chloinn Isachair a réir an teaghlaiche, na bailte mòra agus am bailte beaga. 24 Agus thàinig an cùigeamh crannchur a mach do thréibh chloinn Aseir, a réir an teaghlaiche. 25 Agus b’i an crìoch Helcat, agus Hali, agus Beten, agus Achsaph, 26 Agus Alamelech, agus Amad agus Miseal; agus tha i a’ ruigheachd gu Carmel air an làimh an iar, agus gu Sihor-libnat, 27 Agus a’ pilltinn leth re éirigh na gréine gu Bet-dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah-el, leth ris an taobh mu thuath do Bhet-emec, agus Neiel, agus a’ dol a mach gu Cabul air an làimh chli, 28 Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sidon mòr: 29 Agus an sin tha chrìoch [TD 37] IOSUA. CAIB. XIX. a’ pilltinn gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte (1) Tirus, agus tha a’ chrìoch a’ pilltinn gu Hosah: agus tha a dol a mach aig an fhairge o’n oirthir (2) gu Achsib. 30 Umah mar an ceudna, agus Aphec, agus Rehob; dà mhòr-bhaile thar fhichead le ’m bailtibh beaga. 31 Is i sin oighreachd tréibhe chloinn Aseir, a réir an teaghlaiche na bailte mòra sin le ’m bailtibh beaga. 32 Thàinig an seathadh crannchur a mach do chloinn Naphtali, eadhon do chloinn Naphtali, a réir an teaghlaiche. 33 Agus bha ’n crìoch o Heleph, o Alon gu Sahananim, agus Adami, Neceb, agus Iabneel gu Lacum: agus bha a dol a mach gu Iordan. 34 Agus an sin tha a’ chrìoch a’ pilltinn an iar gu Asnot-tabor, agus a’ dol a mach o sin gu Hucoc, agus tha i a’ ruigheachd gu Sebulun air an taobh mu dheas, agus a’ ruigheachd gu Aser air an taobh an iar, agus gu bruachaibh Iordain (3) leth re éirigh na gréine. 35 Agus is iad na mòr-bhailte daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret, 36 Agus Adamah, agus Ramah, agus Hasor, 37 Agus Cedes, agus Edrei, agus En-hasor, 38 Agus Iron, agus Migdal-el, Horem, agus Bet-hanat, agus Bet-semes; naoi mòr-bhailte deug le’m bailtibh beaga. 39 Is i sin oighreachd tréibhe chloinn Naphtali a réir an teaghlaichean, na bailte mòra agus am bailte beaga. 40 Agus thàinig an seachdamh crannchur a mach do thréibh chloinn Dhain, a réir an teaghlaichean. 41 Agus b’i crìoch an oighreachd Sorah, agus Estaol, agus Ir-semes, 42 Agus Salabin, agus Aialon, agus Ietlah, 43 Agus Elon, agus Timnatah, agus Ecron, 44 Agus Elteceh, agus Gibeton, agus Baalat, 45 Agus Iehud, agus Bene-berac, agus Gat-rimon, 46 Agus Me-iarcon, agus Racon, maille ris a’ chrìch fa chomhair Iapho. 47 Agus chaidh crìoch chloinn Dhain a mach ro-ghann doibh: uime sin chaidh clann Dhain suas agus chog iad an aghaidh Leseim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnuidh ann, agus thug iad Dan a dh’ainm air Lesem, a réir ainme an athar Dan. 48 Is i sin oighreachd tréibhe chloinn Dhain a réir an teaghlaichean, na bailte mòra sin le’m bailtibh beaga. 49 ’Nuair a chuir iad crìoch air an fhearann a roinn mar oighreachd a réir an crìocha, thug clann Israeil oighreachd do Iosua mac Nuin, ’nam measg: 50 A réir focail an Tighearna, thug iad da am baile a dh’iarr e, eadhon Timnat-serah ann an sliabh Ephraim, agus thog e am baile, agus ghabh e còmhnuidh ann. 51 Is iad sin na h-oighreachdan a roinn Eleasar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn (1) a’ chathair làidir. (2) eirthir. (3) gu Iudah air Iordan. [TD 38] IOSUA. CAIB. XX. XXI. aithriche threubha chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn. CAIB. XX. AGUS labhair an Tighearna re Iosua, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Sònraichibh dhuibh féin bailte dìdein, mu’n do labhair mi ribh le làimh Mhaois: 3 A chum as gu’n teich am marbhaiche a mharbhas neach ann an aineolas agus gun fhios da, an sin: agus bithidh iad ’nan dìdein duibh o dhìoghaltair na fola. 4 Agus an uair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsuidh aoin do na bailtibh sin, aig dol a stigh geataidh a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an céill ann an cluasaibh sheanairean a’ bhaile sin; gabhaidh iad a steach e do’n bhaile d’an ionnsuidh, agus bheil iad àite dha chum gu’n gabh e còmhnuidh ’nam measg. 5 Agus an uair a théid dìoghaltair na fola an tòir air, an sin cha d’thoir iad suas am marbhaiche d’a làimh; a cheann gu’n do bhuail e choimhearsnach gun fhios da, agus gun fhuath aige dha san aimsir roimhe sin. 6 Agus gabhaidh e còmhnuidh sa’ bhaile sin, gus an seas e an làthair a’ cho’-chruinnich chum breitheanais, agus gu bàs an ard-shagairt a bhios anns na laithibh sin: an sin pillidh am marbhaiche, agus thig e d’a bhaile féin, agus d’a thigh féin, do’n bhaile o’n do theich e. 7 Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron) ann an sliabh Iudah. 8 Agus air taobh eile Iordain làimh re Iericho air an làimh an ear, shònruich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard a tréibh Reubein, agus Ramot ann an Gilead a tréibh Ghad, agus Golan ann am Basan a tréibh Mhanaseh. 9 B’iad sin na bailtean a shònraicheadh airson chloinn Israeil uile, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt ’nam measg, a chum as ge b’e mharbhadh neach ann an aineolas, gu’n teicheadh e an sin, agus nach bàsaicheadh e le làimh dìoghaltair na fola, gus an seasadh e an làthair a’ cho’-chruinnich. CAIB. XXI. AN SIN thàinig cinn aithriche nan Lebhitheach am fagus do Eleasar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do cheannaibh aithreacha threubha chloinn Israeil. 2 Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanaain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, bailtean a thoirt duinn gu còmhnuidh ghabhail annta, le’m fearann comh-roinn d’ar spréidh. 3 Agus thug clann Israeil do na Lebhithich as an oighreachd air àithne an Tighearna, na bailte so agus am fearann comh-roinn. 4 Agus thàinig an crannchur a mach air son theaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig [TD 39] IOSUA. CAIB. XXI. cloinn Aaroin an t-sagairt, a bha do na Lebhithich, le crannchur a tréibh Iudah, agus a tréibh Shimeoin, agus a tréibh Bheniamin, tri bailte deug. 5 Agus bha aig a’ chuid eile do chloinn Chohait le crannchur, a teaghlaichibh thréibh Ephraim, agus a tréibh Dhain, agus a leth-thréibh Mhanaseh, deich bailte. 6 Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur a teaghlaichibh thréibh Isachair, agus a tréibh Aseir, agus a tréibh Naphtali, agus a leth-thréibh Mhanaseh ann am Basan, tri bailte deug. 7 Bha aig cloinn Mherari a réir an teaghlaichean, a tréibh Reubein, agus a tréibh Ghad, agus a tréibh Shebuluin, dà bhaile dheug. 8 Agus thug clann Israeil le crannchur do na Lebhithich na bailte sin le’m fearann comh-roinn, mar a dh’àithn an Tighearn le làimh Mhaois. 9 Agus thug iad a mach a tréibh chloinn Iudah, agus a tréibh chloinn Shimeoin, na bailte so a tha air an ainmeachadh, 10 A bha aig cloinn Aaroin do theaghlaichibh nan Cohatach, muinntir a bha do chloinn Lebhi: (oir bu leo-san an ceud chrannchur.) 11 Agus thug iad dhoibh mòr-bhaile Arba, athar Anaic, (eadhon Hebron) ann an sliabh Iudah, maille r’a fhearann comh-roinn mu’n cuairt air. 12 Ach fearann a’ mhòr-bhaile, agus a bhailte beaga, thug iad do Chaleb mac Iephuneh mar a sheilbh. 13 Mar so thug iad do chloinn Aaroin an t-sagairt, Hebron maille r’a fhearann comh-roinn, gu bhi ’na bhaile dìdein do’n mharbhaiche, agus Libnah le fhearann comh-roinn, 14 Agus Iatir le fhearann comh-roinn, agus Estemoah le fhearann comh-roinn, 15 Agus Holon le fhearann comh-roinn, agus Debir le fhearann comh-roinn, 16 Agus Ain le fhearann comh-roinn, agus Iutah le fhearann comh-roinn, agus Bet-semes le fhearann comh-roinn: naoi bailte as an dà thréibh sin. 17 Agus a tréibh Bheniamin, Gibeon le fhearann comh-roinn, Gebah le fhearann comh-roinn, 18 Anatot le fhearann comh-roinn, agus Almon le fhearann comh-roinn; ceithir bailte. 19 B’iad uile bhailte chloinn Aaroin nan sagart, tri bailte deug le’m fearann comh-roinn. 20 Agus bha aig teaghlaichibh chloinn Chohait, na Lebhithich, a mhair do chloinn Chohait, eadhon aca-san, bailtean an crannchuir a tréibh Ephraim. 21 Oir thug iad dhoibh Sechem le fhearann comh-roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhi ’na bhaile dìdein do’n mharbhaiche; agus Geser le fhearann comh-roinn, 22 Agus Cibsaim le fhearann comh-roinn, agus Bet-horon le fhearann comh-roinn: ceithir bailte. 23 Agus a tréibh Dhain, Elteceh le fhearann comh-roinn, Gibeton le fhearann comh-roinn, 24 Aialon le fhearann comh-roinn, Gat-rimon le fhearann comh-roinn: ceithir bailte. [TD 40] IOSUA. CAIB. XXI. 25 Agus a leth-thréibh Mhanaseh, Taanach le fhearann comh-roinn, agus Gat-rimon le fhearann comh-roinn: dà bhaile. 26 B’iad na bailtean uile le’m fearann comh-roinn deich, air son theaghlaichean chloinn Chohait a mhair gun an oighreachd fhaghail (1). 27 Agus do chloinn Ghersoin do theaghlaichibh nan Lebhitheach, a leth eile thréibh Mhanaseh, thug iad Golan ann am Basan le fhearann comh-roinn, gu bhi ’na bhaile dìdein do’n mharbhaiche, agus Bees-terah le fhearann comh-roinn: dà bhaile. 28 Agus a tréibh Isachair, Cison le fhearann comh-roinn, Dabareh le fhearann comh-roinn, 29 Iarmut le fhearann comh-roinn, En-ganim le fhearann comh-roinn: ceithir bailte. 30 Agus a tréibh Aseir, Misal le fhearann comh-roinn, Abdon le fhearann comh-roinn, 31 Helcat le fhearann comh-roinn, agus Rehob le fhearann comh-roinn: ceithir bailte. 32 Agus a tréibh Naphtali, Cedes ann an Galilee le fhearann comh-roinn, gu bhi ’na bhaile dìdein do’n mharbhaiche: agus Hamot-dor le fhearann comh-roinn, agus Cartan le fhearann comh-roinn: tri bailte. 33 B’iad uile bhailte nan Gersonach, a réir an teaghlaichean, tri bailte deug le’m fearann comh-roinn. 34 Agus do theaghlaichibh chloinn Mherari a’ chuid eile do na Lebhithich, a tréibh Shebuluin, Iocneam le fhearann comh-roinn, agus Cartah le fhearann comh-roinn, 35 Dimnah le fhearann comh-roinn, Nahalal le fhearann comh-roinn: ceithir bailte. 36 Agus a tréibh Reubein, Beser le fhearann comh-roinn, agus Iahasah le fhearann comh-roinn, 37 Cedemot le fhearann comh-roinn, agus Mephaat le fhearann comh-roinn: ceithir bailte. 38 Agus a tréibh Ghad, Ramot ann an Gilead le fhearann comh-roinn, gu bhi ’na bhaile dìdein do’n mharbhaiche: agus Mahanaim le fhearann comh-roinn, 39 Hesbon le fhearann comh-roinn, Iaser le fhearann comh-roinn: ceithir bailte san iomlan. 40 Mar sin b’iad na bailtean uile air son chloinn Mherari, a réir an teaghlaichean, a mhair do theaghlaichibh nan Lebhitheach, a réir an crannchuir, dà bhaile dheug. 41 B’iad uile bhailtean nan Lebhitheach, an taobh a stigh do sheilbh chloinn Israeil, ochd bailte agus dà fhichead le’m fearann comh-roinn. 42 Bha na bailte sin gach aon le’m fearann comh-roinn mu’n timchioll: mar so bha na bailte sin uile. 43 Agus thug an Tighearna do Israel am fearann uile a mhionnaich e thoirt d’an aithrichibh: agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnuidh ann. 44 Agus thug an Tighearna dhoibh fois mu’n cuairt, a réir nan uile nithe a mhionnaich e d’an aithrichibh: agus cha do sheas duine d’an naimhdibh uile (1) fhaotainn. [TD 41] IOSUA. CAIB. XXII. rompa; an naimhdean uile thug an Tighearna thairis d’an làimh. 45 Cha d’fhàilnich (1) a’ bheag do gach ni maith a labhair an Tighearna re tigh Israeil: thàinig an t-iomlan gu crìch. CAIB. XXII. AN SIN ghairm Iosua na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth-thréibh Mhanaseh, 2 Agus thubhairt e riu, Ghléidh sibh na h-uile nithe a dh’àithn Maois òglach an Tighearna dhuibh, agus thug sibh géill do m’ ghuth-sa anns na h-uile nithibh a dh’àithn mi dhuibh. 3 Cha d’fhàg sibh bhur bràithre rè mhòrain do laithibh gus an la’n diugh, ach ghléidh sibh cùram àithne an Tighearna bhur Dé. 4 Agus a nis thug an Tighearna bhur Dia fois d’ar bràithribh, mar a gheall e dhoibh: a nis uime sin pillibh, agus rachaibh d’ar pàilliunaibh, agus gu fearann bhur seilbhe, a thug Maois òglach an Tighearna dhuibh air an taobh thall do Iordan. 5 Ach thugaibh ro-aire gu’n coimhlion (2) sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois òglach an Tighearna dhuibh, gràdh a thoirt do’n Tighearna bhur Dia, agus gluasad ’na uile shlighibh, agus àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantuinn ris, agus seirbhis a dheanamh dha le’r n-uile chridhe, agus le’r n-uile anam. 6 Mar sin bheannaich Iosua iad, agus chuir e air falbh iad: agus chaidh iad d’am pàilliunaibh. 7 A nis do aon leth-thréibh Mhanaseh thug Maois sealbh ann am Basan: ach do’n leth-thréibh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh so do Iordan air an làimh an iar. Agus cuideachd, an uair a chuir Iosua air falbh iad d’am pàilliunaibh, an sin bheannaich e iad, 8 Agus labhair e riu, ag ràdh, Le mòr shaibhreas pillibh d’ar pàilliunaibh, agus le ro-mhòran spréidhe, le h-airgiod, agus le h-òr, agus le h-umha, agus le h-iarunn, agus le ro-mhòran eudaich; roinnibh creach bhur naimhde r’ar bràithribh. 9 Agus phill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-thréibh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil a Siloh, a tha ann an tìr Chanaain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a réir focail an Tighearna le làimh Mhaois. 10 Agus an uair a thàinig iad gu crìochaibh Iordain, a tha ann an tìr Chanaain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-thréibh Mhanaseh altair an sin làimh re Iordan, altair mhòr re amharc oirre. 11 Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-thréibh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìre Chanaain, ann an crìochaibh Iordain, far an d’thàinig clann Israeil thairis. 12 Agus an uair a chuala clann Israeil so, chruinnich coi’- (1) do thuit. Eabh. (2) dean. Eabh. [TD 42] IOSUA. CAIB. XXII. thional chloinn Israeil uile iad féin an ceann a chéile aig Siloh, gu dol suas a chogadh ’nan aghaidh. 13 Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsuidh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsuidh cloinn Ghad, agus gu leth-thréibh Mhanaseh do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleasair an t-sagairt, 14 Agus deich ceannardan (1) maille ris, ceannard do gach prìomh thigh (2), air feadh uile threubhan Israeil, agus b’e gach fear dhiubh ceann tighe an aithriche, air feadh mhìltean Israeil. 15 Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth-thréibh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh, 16 Mar so tha co’-chruinneach an Tighearn uile ag ràdh, Ciod e an cionta so a rinn sibh an aghaidh Dé Israeil, pilleadh air falbh an diugh o leantuinn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh féin, chum ceannairc a dheanamh an diugh an aghaidh an Tighearna? 17 An ro-bheag dhuinn cionta Pheoir, o nach ’eil sinn air ar glanadh gus an la’n diugh, (agus air son an robh plàigh ann an co’-chruinneach an Tighearna,) 18 Ach gu’m pilleadh sibh air falbh an diugh o’n Tighearn a leantuinn? agus tarlaidh, do bhrigh gu bheil sibh a’ deanamh ceannairc an diugh an aghaidh an Tighearna, am màireach gu’n las fhearg an aghaidh uile cho’-chruinnich Israeil. 19 Gidheadh ma tha fearann bhur seilbhe neo-ghlan, rachaibh thairis a dh’fhearann seilbhe an Tighearna, far am bheil pàilliun an Tighearn a chòmhnuidh, agus gabhaibh sealbh ’nar measg-ne: ach na deanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc ’nar n-aghaidh-ne, le altair a thogail duibh féin, a thuilleadh air altair an Tighearn ar Dé. 20 Nach d’rinn Achan mac Sherah cionta san ni mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho’-chruinneach Israeil? agus cha b’e ’n duine sin ’na aonar a bhàsaich ’na chionta. 21 An sin fhreagair clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-thréibh Mhanaseh, agus thubhairt iad re ceannardaibh mhìltean Israeil, 22 Aig an Tighearna Dia nan dée, aig an Tighearna Dia nan dée e féin a ta fios, agus aig Israel bithidh fios, ma’s ann an ceannairc, no ann an eusaontas an aghaidh an Tighearna, (ma’s ann, na saor sinn an diugh) 23 A thog sinne dhuinn féin altair, gu pilleadh air falbh o’n Tighearn a leantuinn, no ma’s ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no ma’s ann a thoirt suas oirre ìobairte thabhartasa-sìth, an sin agradh an Tighearna féin e: 24 Agus mur ann air eagal an ni so a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm re teachd dh’fheudadh bhur clann-sa labhairt re ’r cloinn-ne, ag ràdh, Ciod bhur gnothuch-sa ris an Tighearna Dia Israeil? 25 Oir rinn an Tighearna Iordan ’na crìch eadar sinne agus sibhse; a chlann Reubein, (1) uachdarain. (2) as gach tigh ard athar. [TD 43] IOSUA. CAIB. XXIII. agus a chlann Ghad, cha ’n ’eil agaibhse cuibhrionn air bith san Tighearna: mar so bheir bhur clann-sa air ar cloinn-ne sgur o eagal an Tighearn a bhi orra. 26 Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a nis mu altair a thogail dhuinn féin, cha ’n ann air son tabhartais-loisgte no air son ìobairt; 27 Ach a chum gu’m bi i ’na fianuis eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd ’nar déigh, a chum as gu’n dean sinn seirbhis an Tighearna ’na làthair le’r tabhartais-loisgte, agus le’r n-ìobairtibh, agus le’r tabhartais-sìth, a chum as nach abair bhur clann-sa r’ar cloinn-ne san àm re teachd, Cha ’n’eil cuibhrionn agaibh san Tighearna. 28 Uime sin thubhairt sinn, gu’n tachair e, ’nuair a their iad so ruinne, no r’ar sliochd san àm re teachd, gu’m bi againn re ràdh a rìs, Faicibh samhladh altair an Tighearna, a rinn ar n-aithriche, cha ’n ann air son thabhartasa-loisgte, no air son ìobairtean, ach (1) is fianuis i eadar sinne agus sibhse. 29 Gu ma fada robh e uainne ceannairc a dheanamh an aghaidh an Tighearna, agus pilltinn an diugh o leantuinn an Tighearna, le altair a thogail air son thabhartasa-loisgte, air son thabhartasa-bìdh, no air son ìobairtean, seach altair an Tighearn ar Dé a tha air beulaobh a phàilliuin. 30 Agus an uair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho’-chruinnich, agus cinn mhìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu. 31 Agus thubhairt Phinehas mac Eleasair an t-sagairt re cloinn Reubein, agus re cloinn Ghad, agus re cloinn Mhanaseh, An diugh tha fios againn gu’m bheil an Tighearna ’nar measg, a cheann nach d’rinn sibh an cionta so an aghaidh an Tighearna: a nis shaor sibh clann Israeil a làimh an Tighearna: 32 Agus phill Phinehas mac Eleasair an t-sagairt, agus na ceannardan o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, a tìr Ghilead gu tìr Chanaain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios d’an ionnsuidh a rìs. 33 Agus thaitinn a’ chùis re cloinn Israeil, agus bheannaich clann Israeil Dia, agus cha robh rùn aca dol (2) suas ’nan aghaidh gu cath, a sgrios na tìre anns an robh clann Reubein agus Ghad ’nan còmhnuidh. 34 Agus thug clann Reubein, agus clann Ghad Ed mar ainm air an altair: oir bithidh i ’na fianuis eadaruinn, gur e ’n Tighearn a’s Dia ann. CAIB. XXIII. AGUS an ceann ùine fhada, an déigh do’n Tighearna fois a thoirt do Israel o’n naimhdibh uile mu’n cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnaibh. 2 Agus ghairm Iosua d’a ionnsuidh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am breitheamhna, agus an luchd-riaghluidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd (1) oir. (2) cha dubhairt iad gu’n rachadh iad. Eabh. [TD 44] IOSUA. CAIB. XXIII. air m’aghaidh ann am bliadhnaibh. 3 Agus chunnaic sibh gach ni a rinn an Tighearna bhur Dia ris na cinnich sin uile air bhur sonsa; oir is e ’n Tighearna bhur Dia e féin a chog air bhur son. 4 Faicibh, roinn mi dhuibh le crannchur na cinnich sin a mhaireas, gu bhi ’nan oighreachd d’ar treubhaibh, o Iordan, maille ris na cinnich uile a ghearr mi as, eadhon gus an fhairge mhòir air an taobh an iar. 5 Agus an Tighearna bhur Dia, fuadaichidh esan iad as bhur fianuis, agus iomainidh e iad a mach as bhur sealladh, agus sealbhaichidh sibh am fearann, mar a gheall an Tighearna bhur Dia dhuibh. 6 Bithibhse uime sin ro-mhisneachail a ghleidheadh agus a dheanamh nan uile nithe a ta scrìobhta ann an leabhar lagha Mhaois, a chum nach pill sibh a leth-taobh uaith, a dh’ionnsuidh na làimhe deise no dh’ionnsuidh na làimhe clìthe; 7 A chum nach d’thig sibh air feadh nan cinneach sin, nan cinneach sin a mhaireas ’nar measg, agus nach luadh sibh ainm an dée, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dean sibh seirbhis dhoibh, agus nach crom sibh sibh féin doibh: 8 Ach dlùth-leanaibh ris an Tighearna bhur Dia, mar a rinn sibh gus an la’n diugh. 9 Oir dh’fhuadaich an Tighearna bhur Dia a mach as bhur fianuis cinnich mhòr agus threun: ach d’ar taobh-sa, cha b’urrainn duine sam bith seasamh roimhibh gus an la ’n diugh. 10 Cuiridh aon fhear dhibh an teicheadh air mìle; oir is e ’n Tighearna bhur Dia e féin a chogas air bhur son, mar a gheall e dhuibh. 11 Thugaibh uime sin aire mhaith dhuibh féin, gu’n gràdhaich sibh an Tighearna bhur Dia. 12 No ma théid sibh air chor sam bith air bhur n-ais, agus ma leanas sibh re fuigheall nan cinneach sin, eadhon nan cinneach sin a mhaireas ’nar measg, agus ma ni sibh cleamhnas riu, agus ma théid sibh a steach d’an ionnsuidh, agus iadsan d’ar n-ionnsuidh-sa: 13 Biodh fios cinnteach agaibh, nach fuadaich an Tighearna bhur Dia tuilleadh a h-aon air bith do na cinnich sin a mach roimhibh: ach bithidh iad dhuibh ’nan ribe, agus ’nan ceap-tuislidh, agus ’nan sgiursadh ’nar taobhaibh, agus ’nam bioraibh ’nar sùilibh, gus an d’théid as duibh bhàrr an fhearainn mhaith so a thug an Tighearna bhur Dia dhuibh. 14 Agus feuch, a ta mise an diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fios agaibh féin ’nar n-uile chridhe agus ’nar n-uile anam, nach d’fhàilnich aon ni do na nithibh maithe sin uile a labhair an Tighearna bhur Dia d’ar taobh; thàinig iad gu léir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon ni dhiubh. 15 Uime sin tarlaidh, mar a thàinig na h-uile nithe maithe oirbh, a gheall an Tighearna bhur Dia dhuibh, mar sin gu’n d’thoir an Tighearn oirbh na h-uile nithe olc, gus an sgrios e [TD 45] IOSUA. CAIB. XXIV. sibh bhàrr an fhearainn mhaith so a thug an Tighearna bhur Dia dhuibh. 16 ’Nuair a bhriseas sibh coi’-cheangal an Tighearna bhur Dé, a dh’àithn e dhuibh, agus a théid sibh, agus a ni sibh seirbhis do dhéibh eile, agus a chromas sibh sibh féin doibh; an sin lasaidh fearg an Tighearna ’nar n-aghaidh, agus théid as duibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh. CAIB. XXIV. AGUS chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairibh Israeil, agus air an ceannardaibh, agus air am breitheamhnaibh, agus air an luchd-riaghlaidh, agus nochd siad iad féin am fianuis Dé. 2 Agus thubhairt Iosua ris an t-sluagh uile, Mar so tha ’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Air taobh thall an t-srutha (1), anns an t-sean aimsir, chòmhnuich bhur n-aithriche, eadhon Terah athair Abrahaim, agus athair Nachoir: agus rinn iad seirbhis do dhéibh eile. 3 Agus thug mi bhur n-athair Abraham o thaobh thall an t-srutha, agus threòraich mi e tre thìr Chanaain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac. 4 Agus thug mi do Isaac, Iacob agas Esau: agus thug mi do Esau sliabh Sheir r’a shealbhachadh; ach chaidh Iacob agus a chlann sìos do’n Eiphit. 5 Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a mach, agus bhuail mi an Eiphit a réir an ni sin a rinn mi ’na meadhon: agus an déigh sin thug mi sibhse mach. 6 Agus thug mi bhur n-aithriche as an Eiphit: agus thàinig sibh a dh’ionnsuidh na fairge, agus lean na h-Eiphitich bhur n-aithriche le carbadaibh agus marc-shluagh gus a’ mhuir ruaidh. 7 Agus an uair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h-Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orra-san, agus dh’fholaich e iad; agus chunnaic bhur sùile ciod a rinn mi san Eiphit: agus ghabh sibh còmhnuidh san fhàsach ùine fhada. 8 Agus thug mi sibh do fhearann nan Amorach, a bha chòmhnuidh air an taobh thall do Iordan: agus chog iad ribh; agus thug mi thairis iad d’ar làimh, agus shealbhaich sibh am fearann; oir sgrios mise iad as bhur fianuis. 9 An sin dh’éirich Balac mac Shipoir, righ Mhoaib, agus chog e ’n aghaidh Israeil, agus chuir e fios, agus ghairm e Balaam mac Bheoir chum sibhse a mhallachadh: 10 Ach cha ’n éisdinn-sa re Balaam; uime sin da rìreadh bheannaich e sibh: mar sin shaor mi sibh as a làimh. 11 Agus chaidh sibh thar Iordan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho ’nar n-aghaidh, na h-Amoraich, agus na Perisich, agus na Canaanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na Iebusaich; agus thug mi thairis iad d’ar làimh. (1) na h-aibhne. [TD 46] IOSUA. CAIB. XXIV. 12 Agus chuir mi a’ chonnsbeach (1) roimhibh, a dh’fhuadaich iad a mach as bhur fianuis, eadhon dà righ nan Amorach; ach cha ’n ann le d’ chlaidheamh, no le d’ bhogha. 13 Agus thug mi dhuibh fearann anns nach do shaothraich sibh, agus bailte nach do thog sibh, agus ghabh sibh còmhnuidh annta: do fhìon-liosaibh agus do liosaibh-olaidh nach do shuidhich sibh, tha sibh ag itheadh. 14 A nis uime sin biodh eagal an Tighearn oirbh; agus deanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus am firinn, agus cuiribh uaibh na dée d’an d’rinn bhur n-aithriche seirbhis air taobh thall an t-srutha, agus anns an Eiphit; agus deanaibh seirbhis do’n Tighearna. 15 Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dheanamh do’n Tighearna, roghnaichibh an diugh cò d’an dean sibh seirbhis, an ann do na déibh d’an d’rinn bhur n-aithriche seirbhis, a bh’air taobh thall an t-srutha, no do dhéibh nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnuidh ’nan tìr: ach air mo shon-sa, agus air son mo thighe, ni sinne seirbhis do’n Tighearna. 16 Agus fhreagair an sluagh, agus thubhairt iad, Gu ma fada robh e uainne an Tighearn a thréigsinn, gu seirbhis a dheanamh do dhéibh eile. 17 Oir an Tighearna ar Dia, is esan a thug a nìos sinne, agus ar n-aithrichean a tìr na h-Eiphit, a tigh na daorsa, agus a rinn na comharan mòra sin ’nar sealladh, agus a ghléidh sinn anns an uile shlighe air an d’imich sinn, agus am measg nan uile shlògh, tre’n deachaidh sinn. 18 Agus dh’fhògair an Tighearn a mach romhainn na slòigh uile, eadhon na h-Amoraich a bha chòmhnuidh san tìr: uime sin ni sinne mar an ceudna seirbhis do’n Tighearna, oir is esan ar Dia. 19 Agus thubhairt Iosua ris an t-sluagh, Cha’n urrainn sibh seirbhis a dheanamh do’n Tighearna; oir is Dia ro-naomh e: is Dia eudmhor e; cha lagh e bhur n-eusaontais, no bhur peacanna. 20 Ma thréigeas sibh an Tighearna, agus ma ni sibh seirbhis do dhéibh coimheach (2), an sin pillidh e agus ni e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an déigh dha maith a dheanamh dhuibh. 21 Agus thubhairt an sluagh re Iosua, Ni h-eadh, ach ni sinne seirbhis do’n Tighearna. 22 Agus thubhairt Iosua ris an t-sluagh, Is fianuisean sibh ’nar n-aghaidh féin, gu’n do thagh sibh dhuibh féin an Tighearna, gu seirbhis a dheanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianuisean sinn. 23 A nis uime sin cuiribh air falbh (ars’ esan) na diathan coimheach a ta ’nar measg, agus aomaibh bhur cridhe ris an Tighearna Dia Israeil. 24 Agus thubhairt an sluagh re Iosua, Do’n Tighearn ar Dia ni sinn seirbhis, agus r’a ghuth-san éisdidh sinn. 25 Mar sin rinn Iosua coi’-cheangal ris an t-sluagh air an la sin; agus shuidhich e dhoibh reachd, agus riaghailt ann an Sechem. (1) an cearnabhan; hornet. Sasg. (2) do dhiathaibh dùcha eile, do dhiathaibh choigreach. [TD 47] IOSUA. CAIB. XXIV. BREITHEAMHNA. CAIB. I. 26 Agus scrìobh Iosua na briathra so ann an leabhar lagha Dhé, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fuidh dharaig, a bha làimh re ionad naomha an Tighearna. 27 Agus thubhairt Iosua ris an t-sluagh uile, Feuch, bithidh a’ chlach so ’na fianuis duinn; oir chual’ i uile bhriathran an Tighearn a labhair e ruinn: bithidh i uime sin ’na fianuis ’nar n-aghaidh-sa, air eagal gu’n àicheadh sibh bhur Dia. 28 Agus leig Iosua leis an t-sluagh imeachd, gach duine d’a oighreachd féin. 29 Agus an déigh nan nithe sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna dh’aois. 30 Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch oighreachd féin ann an Timnat-serah, a tha ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath do shliabh Ghaais. 31 Agus rinn Israel seirbhis do’n Tighearn uile laithean Iosua, agus uile laithean nan seanair a mhair beo an déigh Iosua, agus d’am b’aithne uile oibre an Tighearna, a rinn e air son Israeil. 32 Agus cnàmhan Ioseiph, a thug clann Israeil a nìos as an Eiphit, dh’adhlaic iad ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iacob o mhacaibh Hamoir athar Shecheim, air son ceud bonn airgid; agus bha e ’na oighreachd aig cloinn Ioseiph. 33 Agus fhuair Eleasar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim. BREITHEAMHNA. CAIB. I. A NIS an déigh bàis Iosua, dh’fhiosraich (1) clann Israeil do’n Tighearn, ag ràdh, Cò a théid suas air ar son an aghaidh nan Canaanach air tùs, a chogadh ’nan aghaidh? 2 Agus thubhairt an Tighearna, Théid Iudah suas: feuch thug mi ’n tìr thairis d’a làimh. 3 Agus thubhairt Iudah re Simeon a bhràthair, Thig a nìos maille riumsa do m’ chrannchur, a chum as gu’n cog sinn an aghaidh nan Canaanach, agus théid mise mar an ceudna maille riutsa do d’ chrannchur-sa. Agus chaidh Simeon maille ris. 4 Agus chaidh Iudah suas, agus thug an Tighearna na Ca- (1) dh’fheòraich. [TD 48] BREITHEAMHNA. CAIB. I. naanaich, agus na Perisich, thairis d’an làimh: agus mharbh iad diubh ann am Besec deich mìle fear. 5 Agus fhuair iad Adoni-besec ann am Besec; agus chog iad ’na aghaidh, agus bhuail iad na Canaanaich agus na Perisich. 6 Ach theich Adoni-besec, agus lean iad e, agus ghlac iad e, agus ghearr iad dheth ordagan a làmh agus a chos. 7 Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail tri fichead agus deich righrean, aig an robh ordagan an làmh agus an cos air an gearradh dhiubh, am biadh fuidh m’ bhord-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu h-Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin. 8 (A nis chog clann Iudah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile re theine.) 9 Agus an déigh sin chaidh clann Iudah sìos a chogadh an aghaidh nan Canaanach, a bha chòmhnuidh sa’ mhonadh, agus anns an airde deas, agus anns a’ chòmhnard. 10 Agus chaidh Iudah an aghaidh nan Canaanach a bha chòmhnuidh ann an Hebron; (a nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba:) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai. 11 Agus a sin chaidh e an aghaidh luchd-àiteachaidh Dhebir: (agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat-sepher.) 12 Agus thubhairt Caleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dha-san bheir mi Achsah mo nighean ’na mnaoi. 13 Agus ghlac Otniel mac Chenais bràthar a b’òige Chaleib e: agus thug e dha Achsah a nighean ’na mnaoi. 14 Agus an uair a thàinig i d’a ionnsuidh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o h-athair: agus theirinn i bhàrr a h-asail; agus thubhairt Caleb rithe, Ciod is àill leat? 15 Agus thubhairt i ris, Thoir dhomh beannachadh, oir thug thu dhomh fearann re deas (1), thoir dhomh mar an ceudna tobair uisge. Agus thug Caleb dh’i na tobair uachdarach, agus na tobair ìochdarach. 16 Agus chaidh clann a’ Chenich, athar-céile Mhaois, suas a baile nan craobha-pailme, maille re cloinn Iudah, do fhàsach Iudah, a tha air an taobh mu dheas do Arad, agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnuidh am measg an t-sluaigh. 17 Agus chaidh Iudah maille re Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canaanaich a bha ’nan còmhnuidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile.) 18 Agus ghlac Iudah Gasa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan. 19 Agus bha’n Tighearna maille re Iudah, agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd-àiteachaidh an t-sratha fhògradh a mach, a chionn gu’n robh carbaid iaruinn aca. (1) fearann tioram, teth. [TD 49] BREITHEAMHNA. CAIB. I. 20 Agus thug iad Hebron do Chaleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triuir (1) mhac Anaic. 21 Agus cha do chuir clann Bheniamin a mach na Iebusaich a bha ’nan còmhnuidh ann an Ierusalem: ach tha na Iebusaich ’nan còmhnuidh maille re cloinn Bheniamin ann an Ierusalem gus an la ’n diugh. 22 Agus tigh Ioseiph, chaidh iadsan mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha’n Tighearna maille riu. 23 Agus chuir tigh Ioseiph daoine a rannsachadh a mach Bheteil: (a nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Lus.) 24 Agus chunnaic an luchd-brathaidh duine a’ teachd a mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a stigh do’n bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhuit. 25 Agus an uair a dh’fheuch e dhoibh an rathad a stigh do’n bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile. 26 Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Lus mar ainm air: is e so ainm gus an la ’n diugh. 27 Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a mach luchd-àiteachaidh Bhet-seain agus a bhailte, no Thaanaich agus a bhailte, no luchd-àiteachaidh Dhoir agus a’ bhailte, no luchd-àiteachaidh Ibleaim agus a bhailte, no luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailte: ach b’àill leis na Canaanaich còmhnuidh a ghabhail san fhearann sin. 28 Agus tharladh an uair a dh’fhàs Israel làidir, gu’n do chuir iad na Canaanaich fuidh chìs: ach cha d’fhuadaich iad gu buileach a mach iad. 29 Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a mach na Canaanaich a bha chòmhnuidh ann an Gaser: ach ghabh na Canaanaich còmhnuidh ’nam measg ann an Gaser. 30 Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a mach luchd-àiteachaidh Chitroin, no luchd-àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canaanaich còmhnuidh ’nam measg, agus bha iad fuidh chìs doibh. 31 Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shidoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib: 32 Ach ghabh na h-Aserich còmhnuidh am measg nan Canaanach, luchd-àiteachaidh na tìre; oir cha dh’fhuadaich iad a mach iad. 33 Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnuidh am measg nan Canaanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fuidh chìs doibh. 34 Agus dh’éignich na h-Amoraich clann Dhain do’n t-sliabh: oir cha leigeadh iad leo teachd a nuas do’n ghleann. 35 Ach b’àill leis na h-Amoraich còmhnuidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh tighe Ioseiph, (1) triùr. [TD 50] BREITHEAMHNA. CAIB. II. agus bha iad fuidh chìs doibh. 36 Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, o’n charraig, agus suas o sin. CAIB. II. AGUS thàinig aingeal an Tighearna nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi steach sibh do’n fhearann a mhionnaich mi d’ar n-aithrichibh; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choi’-cheangal ribh gu bràth. 2 Agus cha dean sibh coi’-cheangal sam bith re luchd-àiteachaidh na tìre so, tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha d’thug sibh géill do m’ ghuth; c’ar son a rinn sibh so? 3 Uime sin mar an ceudna thubhairt mi, Cha ’n fhuadaich mi mach iad roimhibh; ach bithidh iad mar bhiora ’nar taobhaibh, agus bithidh an dée ’nan ribe dhuibh. 4 Agus an uair a labhair aingeal an Tighearna na briathra sin re cloinn Israeil uile, thog an sluagh suas an guth, agus ghuil iad. 5 Agus ghairm iad ainm an àite sin Bochim: agus dh’ìobair iad an sin do’n Tighearna. 6 Agus an uair a leig Iosua leis an t-sluagh imeachd, chaidh clann Israeil gach duine d’a oighreachd a ghabhail seilbh air an fhearann. 7 Agus rinn an sluagh seirbhis do’n Tighearna rè uile laithean Iosua, agus uile laithean nan seanairean a mhair beo an déigh Iosua, a chunnaic uile oibre mòra an Tighearna, a rinn e air son Israeil. 8 Agus fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna dh’aois. 9 Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch oighreachd féin ann an Timnat-heres, ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath do shliabh Ghaais. 10 Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile chum an aithriche: agus dh’éirich ginealach eile suas ’nan déigh, do nach b’aithneadh an Tighearna, no na h-oibre a rinn e air son Israeil. 11 Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhaalim. 12 Agus thréig iad an Tighearna Dia an aithriche, a thug a mach iad a tìr na h-Eiphit, agus lean iad diathan eile, do dhéibh an t-sluaigh a bha mu’n cuairt orra, agus chrom siad iad féin sìos doibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corruich. 13 Agus thréig iad an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhaal agus do Astarot. 14 Agus las corruich an Tighearn an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mu’n cuairt, air chor as nach b’urrainn iad ni b’fhaide seasamh an làthair an naimhde. 5 Ge b’e taobh a chaidh iad a mach, bha làmh an Tighearna ’nan aghaidh chum uilc, mar a thubhairt an Tighearna, agus mar a mhionnaich an Tighearna dhoibh: agus bha iad ann an teinn ro-mhòir. [TD 51] BREITHEAMHNA. CAIB. III. 16 Gidheadh thog an Tighearna suas breitheamhna, a shaor iad a làimh na muinntir sin a chreach iad. 17 Gidheadh cha ’n éisdeadh iad r’am breitheamhnaibh, ach chaidh iad le strìopachas an déigh dhiathan eile, agus chrom siad iad féin doibh: phill iad gu grad as an t-slighe anns an d’imich an aithriche, a’ toirt géill a dh’àitheantaibh an Tighearna: cha d’rinn iadsan mar sin. 18 Agus an uair a thog an Tighearna suas doibh breitheamhna, an sin bha ’n Tighearna leis a’ bhreitheamh, agus shaor e iad a làimh an naimhde, rè uile laithean a’ bhreitheamh: (oir ghabh an Tighearna truas diubh air son an osnaich o làthair (1) na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad (2).) 19 Agus an uair a bha ’m breitheamh marbh, phill iad, agus thruaill siad iad féin ni’s mò na’n aithriche, ann an lean tuinn dhiathan eile, gu seirbhis a dheanamh dhoibh, agus gu cromadh sìos doibh: cha do sguir iad o’n gnìomharaibh féin, no o’n slighe eas-ùmhail. 20 Agus las fearg an Tighearn an aghaidh Israeil, agus thubhairt e, A chionn gu’n do bhris an sluagh so mo choi’-cheangal a dh’àithn mi d’an aithrichibh, agus nach d’éisd iad re m’ ghuth: 21 Cha chuir mise mar an ceudna a so suas duine sam bith a mach rompa, do na cinnich a dh’fhàg Iosua ’nuair a fhuair e bàs: 22 Chum leo-san gu’n dearbh mi Israel, an gléidh iad slighe an Tighearna, a dh’imeachd innte, mar a ghléidh an aithrichean i, no nach gléidh. 23 Uime sin dh’fhàg an Tighearna na cinnich sin, gun am fuadachadh a mach gu grad; agus cha d’thug e thairis iad do làimh Iosua. CAIB. III. A NIS is iad so na cinnich a dh’fhàg an Tighearn a dhearbhadh Israeil leo, (eadhon a’ mheud do Israel do nach b’aithne cogaidh Chanaain uile; 2 A mhàin a chum gu’m b’aithne do ghinealaich chloinn Israeil cogadh iunnsachadh dhoibh, air bheag sam bith dhoibhsan do nach b’aithne a’ bheag dheth roimhe:) 3 Eadhon cùig tighearnan nam Philisteach, agus na Canaanaich uile, agus na Sidonaich, agus na Hibhich a bha chòmhnuidh ann an sliabh Lebanoin; o shliabh Bhaal-hermoin, gu dol a stigh Hamait. 4 Agus bha iad gu Israel a dhearbhadh leo, a dh’aithneachadh an éisdeadh iad re àitheantaibh an Tighearna, a dh’àithn e d’an aithrichibh le làimh Mhaois. 5 Agus ghabh clann Israeil còmhnuidh am measg nan Canaanach, nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Periseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach: 6 Agus ghabh iad an nigheana gu bhi ’nam mnaibh aca, agus thug iad an nigheana féin d’am macaibh-san; agus rinn iad seirbhis d’an déibh. (1) air son. (2) a theannaich iad. Eabh. [TD 52] BREITHEAMHNA. CAIB. III. 7 Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilibh an Tighearna, agus dhi-chuimhnich iad an Tighearn an Dia, agus rinn iad seirbhis do Bhaalim, agus do Astarot (1). 8 Uime sin las fearg an Tighearn an aghaidh Israeil, agus reic e iad do làimh Chusan-risataim righ Mhesopotamia: agus rinn clann Israeil seirbhis do Chusan-risataim ochd bliadhna. 9 Agus an uair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas fear-saoraidh do chloinn Israeil, a shaor iad, eadhon Otniel mac Chenais, bràthar a b’òige Chaleib. 10 Agus bha spiorad an Tighearn air, agus thug e breth air Israel, agus chaidh e mach a chogadh; agus thug an Tighearna thairis d’a làimh Cusan-risataim righ Mhesopotamia: agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan-risataim. 11 Agus bha fois aig an tìr rè dhà fhichead bliadhna: agus fhuair Otniel mac Chenais bàs. 12 Agus rinn clann Israeil olc a rìs ann an sùilibh an Tighearna: agus neartaich an Tighearn Eglon righ Mhoaib an aghaidh Israeil, a chionn gu’n d’rinn iad olc ann an sùilibh an Tighearna. 13 Agus chruinnich e d’a ionnsuidh clann Amoin, agus Amalec, agus chaidh e agus bhuail e Israel, agus shealbhaich iad baile (2) nan craobha-pailme. 14 Agus rinn clann Israeil seirbhis do Eglon righ Mhoaib ochd bliadhna deug. 15 Ach an uair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas doibh fear-saoraidh Ehud mac Ghera, Beniamineach, duine ciotach (3): agus leis-san chuir clan Israeil tiodhlacadh gu h-Eglon righ Mhoaib. 16 Ach rinn Ehud dha féin claidheamh, aig an robh dà fhaobhar, làmh-choille air fad; agus cheangail se e fuidh eudach, air a shliasaid dheis. 17 Agus thug e ’n tiodhlacadh gu h-Eglon righ Mhoaib: agus bha Eglon ’na dhuine ro-reamhar. 18 Agus an uair a chuir e crìoch air an tiodhlacadh a thoirt seachad, chuir e air falbh an sluagh a ghiùlain an tiodhlacadh. 19 Ach phill e féin a rìs o na clach-shlocaibh (4) a bha làimh re Gilgal, agus thubhairt e, Tha gnothuch uaigneach agam riut, O a righ. Agus thubhairt esan, Bi d’ thosd. Agus chaidh iadsan uile a sheas làimh ris a mach uaith. 20 Agus chaidh Ehud a steach d’a ionnsuidh, agus bha e ’na shuidhe ann an seòmar-samhraidh (5), a bh’aige dha féin a mhàin: agus thubhairt Ehud, Tha teachdaireachd agam o Dhia a’d’ ionnsuidh. Agus dh’éirich e suas as a chathair. 21 Agus chuir Ehud a mach a làmh chli, agus thug e ’n claidheamh a shliasaid dheis, agus shàth e ’na bhroinn e. 22 Agus chaidh an dornchur a stigh an déigh na loinne, agus dhùin an t-saill air an loinn; oir cha do tharruing e ’n claidh- (1) do na doireachaibh. (2) cathair. (3) cli-lamhach (4) quarries. Sasg. (5) fionnfhuaireachd. [TD 53] BREITHEAMHNA. CAIB. IV. eamh (1) as a bhroinn: agus thàinig an salchar a mach. 23 An sin chaidh Ehud a mach tre ’n fhor-dhorus (2), agus dhùin e dorsan an t-seòmair air, agus ghlais e iad. 24 ’Nuair a chaidh e mach, thàinig a sheirbhisich; agus an uair a chunnaic iad, feuch, gu’n robh dorsan an t-seòmair glaiste, thubhairt iad, Gu cinnteach tha e còmhdachadh a chos ’na sheòmar-samhraidh. 25 Agus dh’fheith iad gus an robh nàire orra: agus feuch, cha d’fhosgail e dorsan an t-seòmair; uime sin ghabh iad iuchair, agus dh’fhosgail siad iad: agus feuch, bha ’n tighearn air tuiteam sìos marbh air an talamh. 26 Agus chaidh Ehud as an uair a bha iadsan fuidh amhluadh (3): agus chaidh e seachad air na clach-shlocaibh, agus chaidh e as gu Seirat. 27 Agus an uair a bha e air teachd, shéid e trompaid ann an sliabh Ephraim, agus chaidh clann Israeil sìos maille ris o’n t-sliabh, agus esan rompa. 28 Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise; oir thug an Tighearna bhur naimhde na Moabaich thairis d’ar làimh. Agus chaidh iad sìos ’na dhéigh, agus ghlac iad àthanna Iordain leth re Moab, agus cha do leig iad duine thairis. 29 Agus mharbh iad do Mhoab san àm sin mu thimchioll deich mìle fear, sultmhor (4) uile, agus ’nan daoinibh gaisgeil uile; agus cha deachaidh duine air bith as. 30 Mar sin cheannsaicheadh Moab air an la sin fuidh làimh Israeil: agus bha fois aig an tìr ceithir fichead bliadhna. 31 Agus ’na dhéigh-san bha Samgar mac Anait, a mharbh do na Philistich sè ceud fear le luirg-iomain (5) dhamh, agus shaor esan Israel mar an ceudna. CAIB. IV. AGUS rinn clann Israeil olc a rìs ann an sùilibh an Tighearna, ’nuair a bha Ehud marbh. 2 Agus reic an Tighearn iad do làimh Iabin righ Chanaain, a rìoghaich ann an Hasor; agus b’e ceannard a shluaigh Sisera, a bha chòmhnuidh ann an Haroset nan cinneach. 3 Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna: oir bha naoi ceud carbad iaruinn aige; agus rinn e ainneart air cloinn Israeil gu ro-mhòr rè fhichead bliadhna. 4 Agus Deborah ban-fhàidh, bean Lapidoit, thug ise breth air Israel san àm sin. 5 Agus bha i chòmhnuidh fuidh chraoibh-phailme Dheborah, eadar Ramah agus Betel ann an sliabh Ephraim: agus chaidh clann Israeil suas d’a h-ionnsuidh air son breitheanais. 6 Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a mach a Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarruing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear do chloinn Naphtali, agus do chloinn Shebuluin? 7 Agus tairngidh mis a t’ ionnsuidh gu sruth Chisoin Sise- (1) air chor as nach b’urrainn e ’n claidheamh a tharruing. (2) porch. Sasg. (3) a’ fuireach. (4) saibhir. (5) slait-iomain, bior-greasaidh. [TD 54] BREITHEAMHNA. CAIB. IV. ra ceannard armailte Iabin, le charbadaibh, agus a mhòr shluagh; agus bheir mi thairis e do d’ làimh. 8 Agus thubhairt Barac rithe, Ma théid thusa leam, an sin théid mi: ach mur d’théid thu leam, cha d’théid. 9 Agus thubhairt i, Gu cinnteach théid mi leat; gidheadh cha bhi ’n turus a ghabhas tu chum do chliu; oir do làimh mnà reicidh an Tighearna Sisera. Agus dh’éirich Deborah, agus chaidh i maille re Barac gu Cedes. 10 Agus ghairm Barac Sebulun agus Naphtali gu Cedes, agus chaidh e suas d’a chois le deich mìle fear (1): agus chaidh Deborah suas maille ris. 11 A nis sgar Heber an Ceneach, a bha do chloinn Hobaib, athar-céile Mhaois, e féin o na Cenich, agus shuidhich (2) e a bhùth gu ruig còmhnard Shanaim, a tha làimh re Cedes. 12 Agus dh’innis iad do Shisera gu’n deachaidh Barac mac Abinoaim suas gu sliabh Thaboir. 13 Agus chruinnich Sisera r’a chéile a charbaid uile, eadhon naoi ceud carbad iaruinn, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Haroset nan cinneach, gu sruth Chisoin. 14 Agus thubhairt Deborah re Barac, Eirich; oir is e so an là san d’thug an Tighearna Sisera thairis do d’ làimh; nach ’eil an Tighearn air dol a mach romhad? Agus chaidh Barac sìos o shliabh Thaboir, agus deich mìle fear ’na dhéigh. 15 Agus sgrios an Tighearna Sisera, agus a charbadan uile, agus a shluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh roimh Bharac: agus theirinn Sisera sìos o charbad, agus theich e as d’a chois. 16 Ach lean Barac an déigh nan carbad, agus an déigh an t-sluaigh gu Haroset nan cinneach: agus thuit sluagh Shisera uile le faobhar a’ chlaidheimh: cha d’fhàgadh uiread as a h-aon diubh. 17 Gidheadh theich Sisera d’a chois gu bùth Iaeil, mnà Hebeir a’ Chenich; oir bha sìth eadar Iabin righ Hasoir, agus tigh Hebeir a’ Chenich. 18 Agus chaidh Iael a mach an coinneamh Shisera, agus thubhairt i ris, Tionndaidh a steach, mo thighearna, tionndaidh a steach a m’ ionnsuidh-sa, na biodh eagal ort: agus an uair a thionndaidh e steach d’a h-ionnsuidh do’n bhùth, chòmhdaich i e le brat (3). 19 Agus thubhairt e rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge r’a òl, oir tha tart (4) orm: agus dh’fhosgail i searrag bhainne, agus thug i deoch dha, agus chòmhdaich i e. 20 A rìs thubhairt e rithe, Seas ann an dorus a’ bhùtha, agus ma thig duine agus gu’m feòraich e dhìot, agus gu’n abair e, Am bheil duine sam bith an so? an sin their thusa, Cha’n ’eil. 21 An sin ghabh Iael, bean Hebeir, tarrang (5) do’n phàilliun, agus ghlac i ord ’na làimh, agus chaidh i gu sàmhach a steach d’a ionnsuidh, agus bhuail i ’n tarrang ’na leth-cheann, agus shàth i san talamh i; (oir bha e (1) chaidh e suas le deich mìle fear aig a chois. (2) shìn, sgaoil. Eabh. (3) falluing. (4) pathadh. (5) tarrann. [TD 55] BREITHEAMHNA. CAIB. V. trom ’na chodal agus sgìth:) agus fhuair e bàs. 22 Agus feuch, an uair a bha Barac an tòir air Sisera, thàinig Iael a mach ’na choinneamh, agus thubhairt i ris, Thig, agus feuchaidh mi dhuit am fear a tha thu ’g iarraidh. Agus an uair a chaidh e steach d’a bùth, feuch, bha Sisera ’na luidhe marbh, agus an tarrang ’na leth-cheann. 23 Mar sin cheannsaich Dia air an là sin Iabin righ Chanaain am fianuis chloinn Israeil. 24 Agus shoirbhich le làimh chloinn Israeil, agus bha i trom (1) air Iabin righ Chanaain, gus an do chuir iad as do Iabin righ Chanaain. CAIB. V. AGUS chan Deborah, agus Barac mac Abinoaim, air an là sin, ag ràdh; 2 A chionn gu’n do ghabh Israel dioghaltas, a chionn gu’n do thairg an sluagh iad féin gu toileach, molaibhse an Tighearna. 3 Eisdibh, a righre; thugaibh aire, a cheannarda; canaidh mise, mise féin do’n Tighearna, canaidh mi do’n Tighearna Dia Israeil. 4 A Thighearna, ’nuair a chaidh thu mach a Seir, ’nuair a shiubhail thu mach a tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamha; shil na neoil mar an ceudna uisge. 5 Leagh na sléibhtean o làthair an Tighearna, Sinai sin féin o làthair an Tighearna Dé Israeil. 6 Ann an laithibh Shamgair mhic Anait, ann an laithibh Iaeil, bha na rathaide mòra gun tathuich, agus dh’imich an luchd turuis air rathaidibh seachranach. 7 Sguir luchd-àiteachaidh nam bailtean ann an Israel, sguir iad gus an d’éirich mise Deborah, gus an d’éirich mise a’m’ mhàthair ann an Israel. 8 Thagh iad dée nuadha; an sin bha cogadh anns na geataibh: an robh sgiath no sleagh re’m faicinn am measg dhà fhichead mhìle ann an Israel? 9 Tha mo chridhe le uachdaranaibh Israeil, a thairg iad féin gu toileach am measg an t-sluaigh. Beannaichibh an Tighearna. 10 Sibhse a ta marcachd air asalaibh geala, sibhse a ta ’nar suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh. 11 Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear-bogha ann an ionadaibh tarruing an uisge, an sin airisidh iad gnìomhara cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomhara cothromach a thaobh luchd-àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin théid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsuidh nan geatacha. 12 Dùisg, dùisg, a Dheborah: dùisg, dùisg, can òran: éirich, a Bharaic, agus thoir do bhruid (2) am braighdeanas, thusa a mhic Abinoaim. 13 An sin thug e air-san a mhaireas tighearnas a bhi aige air na h-uaislibh am measg an t-sluaigh: thug an Tighearn ormsa tighearnas a bhi agam os cionn nan cumhachdach. 14 A h-Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; (1) bha i cruaidh. Eabh. (2) do bhraighdeanas. [TD 56] BREITHEAMHNA. CAIB. V. a’d’ dhéigh-sa Beniamin am measg do shluaigh; a Machir thàinig a nuas lagh-thabhartairean, agus a Sebulun iadsan a laimhsicheas peann an scrìobhair. 15 Agus bha ceannardan Isachair le Deborah, eadhon Isachar, agus mar an ceudna Barac; do’n ghleann chuireadh esan sìos d’a chois: air son roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe. 16 C’ar son a dh’fhuirich thu am measg chrò nan caorach, a chluinntinn mèilich nan treud? air son roinnean Reubein bha smuaintean (1) mòra cridhe. 17 Dh’fhan Gilead an taobh thall do Iordan; agus c’ar son a dh’fhuirich Dan ann an longaibh? dh’fhan Aser air tràigh (2) na fairge, agus ’na bhearnaibh ghabh e còmhnuidh. 18 Bu shluagh Sebulun agus Naphtali, a chuir an anma ann an cunart gu bàs ann an àitibh ard an fhearainn. 19 Thàinig na righrean agus chog iad, an sin chog righre Chanaain ann an Taanach làimh re uisgibh Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid. 20 O nèamh chog na reulta; o’n sligheannaibh arda chog iad an aghaidh Shisera. 21 Sguab sruth Chisoin air falbh iad, an seann sruth sin, sruth Chisoin: O m’anam! shaltair thu sìos neart. 22 An sin bhruthadh iongana nan each le leumnaich, le leumnaich an aona cumhachdach. 23 Mallaichibhse Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna,) mallaichibh gu mòr a luchd-àiteachaidh: a chionn nach d’thàinig iad gu còmhnadh (3) an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearn an aghaidh nan cumhachdach. 24 Beannaicht’ os cionn bhan bithidh Iael bean Hebeir a’ Chenich, beannaichte bithidh i os cionn bhan anns a’ bhùth. 25 Dh’iarr e uisge, thug i dha bainne; ann an soitheach uasal thug i làthair im. 26 Chuir i a làmh (4) ris an tarraing, agus a làmh dheas re ord nan oibrichean, agus leis an ord bhuail (5) i Sisera; bhuail i a cheann, agus lot i, agus shàth i troimh a leth-cheann. 27 Aig a cosaibh chrom e, thuit e, luidh e sìos: aig a cosaibh chrom e, thuit e; far an do chrom e, an sin thuit e sìos marbh. 28 A mach air uinneig dh’amhairc màthair Shisera, agus ghlaodh i tre’n chléith (6), C’ar son a ta charbad co fhad a’ teachd? c’ar son a ta rothan a charbaid a’ deanamh moille? 29 Fhreagair a bain-tighearnan glic i, seadh, thug i freagradh dhi féin. 30 Nach d’fhuair iad, nach ’eil iad a’ roinn ’na creiche? maighdean no dhà do gach fear? creach iomadh-dathach do Shisera, creach iomadh-dathach a dh’obair snàthaide, iomadh-dathach a dh’obair snàthaide air gach taobh, air son mhuinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach? 31 Mar sin rachadh as do d’ naimhdibh uile, a Thighearna: ach biodh iadsan leis an ionmhuinn (1) rannsachadh. (2) ann an caladh. (3) congnamh. Eir. (4) a làmh chli. (5) bhrùth. (6) lattess. Sasg. [TD 57] BREITHEAMHNA. CAIB. VI. e mar a’ ghrian an uair a théid i mach ’na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dhà fhichead bliadhna. CAIB. VI. AGUS rinn clann Israeil olc ann an sùilibh an Tighearna: agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Mhidiain rè sheachd bliadhna. 2 Agus bhuadhaich làmh Mhidiain an aghaidh Israeil: agus air sgàth nam Midianach rinn clann Israeil dhoibh féin na sluic a tha sna beanntaibh, agus na h-uamhan, agus na daingnichean làidir. 3 Agus thachair, an uair a chuir clann Israeil sìol, gu’n d’thàinig na Midianaich a nìos, agus na h-Amalecich, agus clann na h-aird’ an ear; thàinig eadhon iadsan a nìos ’nan aghaidh: 4 Agus champaich iad ’nan aghaidh, agus mhill iad toradh na talmhainn, gus an d’thig thu gu Gasa, agus cha d’fhàg iad teachd-an-tìr sam bith do Israel, aon chuid caora, no bò, no asal. 5 Oir thàinig iad a nìos le’n spréidh, agus am bùthaibh, agus thàinig iad mar na locuist air lìonmhoireachd; oir bha ’n dà chuid iad féin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a steach do’n tìr a chum a milleadh. 6 Agus thugadh Israel gu bochdainn ro-mhòir leis na Midianaich; agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna. 7 Agus an uair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearn air son nam Midianach, 8 Chuir an Tighearna fàidh dh’ionnsuidh chloinn Israeil, agus thubhairt e riu, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi nìos sibh o’n Eiphit, agus thug mi mach sibh a tigh na daorsa. 9 Agus shaor mi sibh a làimh nan Eiphiteach, agus a làimh nan uile a rinn foirneart oirbh; agus dh’fhuadaich mi mach iad roimhibh, agus thug mi dhuibh am fearann. 10 Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna bhur Dia, na biodh eagal dhée nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnuidh ’nam fearann: ach cha d’éisd sibh re m’ ghuth. 11 Agus thàinig aingeal an Tighearna, agus shuidh e fuidh dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Ioas an t-Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an (1) amar-bruthaidh an fhìona, gu fholach o na Midianaich. 12 Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearn e féin da, agus thubhairt e ris, Tha’n Tighearna maille riut, a dhuine thréin ann an neart. 13 Agus thubhairt Gideon ris, Och mo thighearna, ma tha ’n Tighearna maille ruinn, c’ar son a thàinig so uile oirn? agus c’àit am bheil a mhìorbhuilean uile a dh’innis ar n-aithriche dhuinn, ag ràdh, Nach d’thug an Tighearna sinn a nìos o’n Eiphit? ach a nis thréig an Tighearna sinn, agus thug e thairis sinn do làimh nam Midianach. 14 Agus dh’amhairc an Tighearn air, agus thubhairt e, I- (1) làimh re. [TD 58] BREITHEAMHNA. CAIB. VI. mich ann do neart so, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu? 15 Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise a’s lugha ann an tigh m’athar. 16 Agus thubhairt an Tighearna ris, Gu cinnteach bithidh mise maille riut, agus buailidh tu na Midianaich mar aon duine. 17 Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shùilibh, an sin nochd comhara dhomh gur tusa a ta labhairt rium. 18 Na falbh a so, guidheam ort, gus an d’thig mi a’d’ ionnsuidh, agus gu’n d’thoir mi mach mo thiodhlacadh, agus gu’n cuir mi a’d’ làthair e. Agus thubhairt e, Fanaidh mi gus an d’thig thu a rìs. 19 Agus chaidh Gideon a stigh, agus dheasaich e meann do na gabhraibh, agus ephah phlùir (1) ’na bhreacagaibh neo-ghoirtichte: an fheoil chuir e ann am bascaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e mach iad d’a ionnsuidh fuidh ’n daraig, agus chuir e ’na làthair iad (2). 20 Agus thubhairt aingeal Dé ris, Gabh an fheoil, agus na breacaga neo-ghoirtichte, agus cuir iad air a’ charraig so, agus taom a mach an sùgh. Agus rinn e mar sin. 21 An sin chuir aingeal an Tighearna mach bàrr a’ bhataidh a bha ’na làimh, agus bhean e ris an fheoil, agus ris na breacagaibh neo-ghoirtichte: agus dh’éirich teine suas as a’ charraig, agus loisg e ’n fheoil, agus na breacagan neo-ghoirtichte: an sin chaidh aingeal an Tighearn as a shealladh. 22 Agus an uair a thuig Gideon gu’m b’e aingeal an Tighearn a bh’ann, thubhairt Gideon, Och, a Thighearna Dhé! a chionn gu’m faca mi aingeal an Tighearn aghaidh re h-aghaidh. 23 Agus thubhairt an Tighearna ris, Sìth dhuit; na biodh eagal ort, cha ’n fhaigh thu bàs. 24 Agus thog Gideon altair an sin do’n Tighearna, agus thug e Iehobhah-salom mar ainm oirre: gus an la’n diugh tha i fathast ann an Ophrah nan Abiesrach. 25 Agus air an oidhche sin féin thubhairt an Tighearna ris, Gabh an tarbh òg aig t’athair, agus an dara tarbh a tha seachd bliadhna dh’aois, agus tilg sìos altair Bhaail a th’aig t’athair, agus gearr sìos an doire a tha làimh rithe; 26 Agus tog altair do’n Tighearna do Dhia air mullach na carraige so, ann an ordugh (3), agus gabh an dara tarbh, agus thoir suas ìobairt-loisgte le fiodh an doire a ghearras tu sìos. 27 An sin ghabh Gideon deichnear dhaoine d’a sheirbhisich, agus rinn e mar a thubhairt an Tighearna ris: agus tharladh, a chionn gu’n robh eagal teaghlaich athar air, agus dhaoine a’ bhaile, air chor as nach b’urrainn e dheanamh san là, gu’n d’rinn e san oidhche e. 28 Agus an uair a dh’éirich daoine a’ bhaile gu moch anns (1) mine. (2) thairg e dha iad. (3) anns an ionad shònraichte. [TD 59] BREITHEAMHNA. CAIB. VII. a’ mhaduinn, feuch, bha altair Bhaail air a tilgeadh sìos, agus bha’n doire a bha làimh rithe air a ghearradh sìos, agus bha’n dara tarbh air ìobradh air an altair a thogadh. 29 Agus thubhairt iad gach aon r’a chéile, Cò a rinn an ni so? agus an uair a dh’fhiosraich agus a rannsaich iad, thubhairt iad, Is e Gideon mac Ioais a rinn an ni so. 30 An sin thubhairt daoine a’ bhaile re Ioas, Thoir a mach do mhac, a chum as gu’m bàsaich e; a chionn gu’n do thilg e sìos altair Bhaail, agus gu’n do ghearr e sìos an doire a bha làimh rithe. 31 Agus thubhairt Ioas riu-san uile a sheas ’na aghaidh, An tagair sibh air son Bhaail? an saor sibh e? esan a thagras air a shon, cuirear gu bàs e, am feadh is i mhaduinn a tha fathast ann: ma’s dia e, tagradh e air a shon féin, a chionn gu’n do thilgeadh sìos altair. 32 Uime sin air an là sin féin thug e Ierubaal mar ainm air, ag ràdh, Tagradh Baal ’na aghaidh, a chionn gu’n do thilg e sìos altair. 33 An sin bha na Midianaich uile, agus na h-Amalecich, agus clann na h-airde ’n ear air cruinneachadh r’a chéile, agus chaidh iad a nunn, agus champaich iad ann an gleann Iesreeil. 34 Ach thàinig spiorad an Tighearn air Gideon, agus shéid e trompaid, agus ghairm e Abieser ’na dhéigh. 35 Agus chuir e teachdairean air feadh Mhanaseh uile, a chruinnicheadh mar an ceudna ’na dhéigh; agus chuir e teachdairean gu h-Aser, agus gu Sebulun, agus gu Naphtali, agus thàinig iad a nìos ’nan coinneamh. 36 Agus thubhairt Gideon re Dia, Ma shaoras tu Israel le m’ làimh-sa, mar a thubhairt thu, 37 Feuch, cuiridh mi lomradh olla air an urlar-bhualaidh, agus ma bhios an drùchd air an lomradh a mhàin, agus tiormachd air an talamh uile, an sin bithidh fios agam gu’n saor thu Israel le’m làimh, mar a thubhairt thu. 38 Agus bha e mar sin: oir dh’éirich e gu moch air an la màireach, agus theann e ’n lomradh cuideachd, agus dh’fhàisg e ’n drùchd as an lomradh, làn cuaich a dh’uisge. 39 Agus thubhairt Gideon re Dia, Na biodh do chorruich teth a’m’ aghaidh, agus labhraidh mi a mhàin an aon uair so: leig dhomh dearbhadh, guidheam ort, an uair so a mhàin leis an lomradh; bitheadh a nis tiormachd air an lomradh a mhàin, agus air an talamh uile bitheadh drùchd. 40 Agus rinn Dia mar sin air an oidhche sin: agus bha tiormachd air an lomradh a mhàin, agus air an talamh uile bha drùchd. CAIB. VII. AN SIN dh’éirich Ierubaal, (eadhon Gideon) agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh re tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, [TD 60] BREITHEAMHNA. CAIB. VII. làimh re sliabh Mhoreh anns a’ ghleann. 2 Agus thubhairt an Tighearna re Gideon, Tha’n sluagh a tha maille riut tuille’s lìonmhor gu mise a thoirt nam Midianach ’nan làimh, air eagal gu’n deanadh Israel uaill a’m’ aghaidh, ag ràdh, Shaor mo làmh féin mi. 3 Agus a nis uime sin gairm ann an cluasaibh an t-sluaigh, ag ràdh, Ge b’e neach air am bheil eagal agus geilt, pilleadh e; agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead: agus phill do’n t-sluagh dà mhìle thar fhichead, agus dh’fhan deich mìle. 4 Agus thubhairt an Tighearna re Gideon, Tha’n sluagh fathast tuille’s lìonmhor; thoir sìos iad a dh’ionnsuidh an uisge, agus dearbhaidh mise dhuit iad an sin: agus tarlaidh, ge b’e fear mu’n abair mise riut, Théid am fear so maille riut, gu’n d’théid esan maille riut; agus ge b’e fear mu’n abair mi riut, Cha d’théid am fear so maille riut, nach d’théid esan ann. 5 Mar sin thug e sìos an sluagh a dh’ionnsuidh an uisge: agus thubhairt an Tighearna re Gideon, Gach aon a dh’imlicheas (1) an t-uisge le theangaidh, mar a dh’imlicheas cù, cuiridh tu esan air leth; mar an ceudna gach aon a chromas sìos air a ghlùinibh a’ dh’òl. 6 Agus b’e àireamh na muinntir a dh’imlich, a’ cur an làimhe r’am beul, tri cheud fear: ach chrom a’ chuid eile uile do’n t-sluagh sìos air an glùinibh a dh’ol uisge. 7 Agus thubhairt an Tighearna re Gideon, Leis an tri cheud fear so a dh’imlich, saoraidh mise sibh, agus bheir mi na Midianaich thairis do d’ làimh: agus rachadh am mòr shluagh uile, gach duine d’a àite féin. 8 Agus ghabh an sluagh lòn ’nan làimh, agus an trompaidean: agus gach fear eile do Israel chuir e air falbh, gach aon d’a bhùth, agus ghléidh e an tri cheud fear so: agus bha sluagh Mhidiain fuidhe anns a’ ghleann. 9 Agus air an oidhche sin féin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsuidh an fheachd, oir thug mise thairis e do d’ làimh. 10 Ach ma ta eagal ort dol sìos, falbh-sa agus Phurah t’òglach sìos a dh’ionnsuidh an fheachd: 11 Agus cluinnidh tu ciod a their iad, agus ’na dhéigh sin neartaichear do làmhan, agus théid thu sìos a dh’ionnsuidh an fheachd. An sin chaidh e sìos maille re Phurah òglach, gu taobh a muigh nan daoine armaichte a bha san fheachd. 12 Agus bha na Midianaich, agus na h-Amalecich, agus clann na h-aird’ an ear uile ’nan luidhe sa’ ghleann mar na locuist air lìonmhoireachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar an gaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhoireachd. 13 Agus an uair a thàinig Gideon, feuch, bha duine ag innseadh aislinge d’a chompanach, agus thubhairt e, Feuch, Chunnaic mi aisling, agus feuch, thàinig breacag a dh’aran eorna (1) ligheas. Eir. [TD 61] BREITHEAMHNA. CAIB. VII. car air char a stigh do champ Mhidiain, agus thàinig i gu bùth, agus bhuail i e, agus thuit e, agus thilg i bun os ceann e, agus thuit am bùth sìos. 14 Agus fhreagair a chompanach, agus thubhairt e, Cha ni sam bith eile so ach claidheamh Ghideoin mhic Ioais, duine do Israel: thug Dia thairis d’a làimh-san Midian, agus an sluagh uile. 15 Agus an uair a chuala Gideon aithris na h-aislinge, agus a h-eadar-mhìneachadh, rinn e aoradh: agus phill e gu feachd Israeil, agus thubhairt e, Eiribh, oir thug an Tighearna thairis d’ar làimh seachd Mhidiain. 16 Agus roinn e ’n tri cheud fear ’nan tri chuideachdaibh, agus chuir e trompaid ann an làimh gach aoin diubh, maille re soithichibh falamh, agus lòchranaibh anns na soithichibh. 17 Agus thubhairt e riu, Amhaircibh ormsa, agus deanaibhse mar an ceudna: agus feuch, an uair a thig mi gu taobh a mach a’ chaimp, tarlaidh mar a ni mise, mar sin gu’n dean sibhse. 18 ’Nuair a shéideas mise le trompaid, mi féin agus iadsan uile a tha maille rium, an sin séidibhse na trompaidean mar an ceudna mu thimchioll a’ chaimp uile, agus abraibh, Claidheamh an Tighearna, agus Ghideoin. 19 Mar sin thàinig Gideon agus an ceud fear a bha maille ris, gu taobh a mach a’ chaimp, ann an toiseach na faire meadhonaich; agus cha robh iad ach air ùr-shuidheachadh na faire; agus shéid iad na trompaidean, agus bhris iad na soithichean a bha ’nan làimh. 20 Agus shéid na tri chuideachdan na trompaidean, agus bhris iad na soithichean, agus chum iad na lòchrain ’nan làimh chli, agus na trompaidean ’nan làimh dheis gu séideadh leo: agus ghlaodh iad, Claidheamh an Tighearna, agus Ghideoin. 21 Agus sheas iad gach duine ’na àite féin mu thimchioll a’ chaimp: agus bhriseadh (1) am feachd uile, agus ghlaodh iad, agus theich iad. 22 Agus shéid an tri cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile: agus theich an sluagh gu Bet-sitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil-mheholah, làimh re Tabat. 23 Agus chruinnicheadh fir Israeil r’a chéile a Naphtali, agus a h-Aser, agus a Manaseh uile, agus chaidh iad air tòir nam Midianach. 24 Agus chuir Gideon teachdairean air feadh sléibh Ephraim uile, ag ràdh, Thigibh a nuas an aghaidh nam Midianach, agus glacaibh rompa na h-uisgeacha gu Bet-barah agus Iordan. An sin chruinnicheadh fir Ephraim uile re chéile, agus ghlac iad na h-uisgeacha gu Bet-barah agus Iordan. 25 Agus ghlac iad dà cheannard nam Midianach, Oreb agus Seeb; agus mharbh iad Oreb air carraig Oreib, agus Seeb mharbh iad aig amar-bruthaidh (1) raith. [TD 62] BREITHEAMHNA. CAIB. VIII. fiona Sheeib, agus chaidh iad air tòir Mhidiain, agus thug iad cinn Oreib agus Sheeib gu Gideon air an taobh eile do Iordan. CAIB. VIII. AGUS thubhairt fir Ephraim ris, Ciod é an ni so a rinn thu oirn, nach do ghairm thu oirn an uair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? agus throid iad ris gu geur. 2 Agus thubhairt e riu, Ciod a nis a rinn mise mar a rinn sibhse? Nach fearr dìoghluim (1) fhìon-dhearcan Ephraim na fion-fhoghara Abieseir? 3 Thug Dia thairis d’ar làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mis’ a dheanamh mar a rinn sibhse? An sin thraogh am fearg ris, an uair a thubhairt e sin. 4 Agus thàinig Gideon gu Iordan, agus chaidh e thairis, e féin, agus an tri cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir. 5 Agus thubhairt e re fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, builinnean arain do’n t-sluagh a tha ’gam leantuinn (2), oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Sheba agus Shalmuna, righre Mhidiain. 6 Agus thubhairt ceannardan Shucoit, Am bheil làmhan Sheba agus Shalmuna nis ann a’d’ làimh, gu’n d’thugamaid aran do d’ armailt? 7 Agus thubhairt Gideon, Uime sin an uair a bheir an Tighearna Seba agus Salmuna thairis do m’ làimh, an sin reubaidh mi bhur feoil le sgiothach an fhàsaich, agus le drisibh. 8 Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riu-san air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit. 9 Agus labhair e cuideachd re daoinibh Phenueil, ag ràdh, ’Nuair a thig mi a rìs ann an sìth, brisidh mi sìos an tùr so. 10 A nis bha Seba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimchioll cùig mìle deug fear, an t-iomlan a dh’fhàgadh do shlòigh cloinne na h-àird’ an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharruing claidheamh. 11 Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha ’nan còmhnuidh ann am bùthaibh, air an làimh an ear do Nobah, agus do Iogbehah, agus bhuail e ’n sluagh; oir bha ’n sluagh gun umhaill. 12 Agus an uair a theich Seba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà righ Mhidiain, Seba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t-sluagh uile. 13 Agus phill Gideon mac Ioais o’n chath roimh éirigh na gréine (3), 14 Agus ghlac e òig-fhear do dhaoinibh Shucoit, agus dh’fhiosraich e dheth: agus scrìobh e dha ainmean cheannardan Shucoit, agus a sheanairean, tri fichead agus seachd fir dheug. 15 Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Seba agus Salmuna a thilg sibh suas orm, ag ràdh, Am (1) gleaning. Sasg. (2) aig mo chois. Eabh. (3) Hares. Eabh. [TD 63] BREITHEAMHNA. CAIB. VIII. bheil làmhan Sheba agus Shalmuna nis a’d’làimh, gu’n d’thugamaid aran do d’ dhaoinibh a tha sgìth? 16 Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgiothach an fhàsaich, agus drisean, agus leo so reub (1) e fir Shucoit. 17 Agus leag e sìos tùr Phenueil, agus mharbh e fir a’ bhaile. 18 An sin thubhairt e re Seba agus re Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar a ta thusa, is amhuil a bha iadsan, gach aon cosmhuil re cloinn righ. 19 Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean-sa, mic mo mhàthar: mar is beo an Tighearna, nan gleidheadh sibh beo iadsan, cha mharbhainn sibhse. 20 Agus thubhairt e re Ieter a cheud-ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharruing an t-òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu’n robh e fathast ’na òganach. 21 An sin thubhairt Seba agus Salmuna, Eirich féin agus buail oirn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’éirich Gideon, agus mharbh e Seba agus Salmuna, agus thug e leis na h-usgraichean a bh’air amhaichibh an càmhalan. 22 An sin thubhairt fir Israeil re Gideon, Bi-sa a’d’ uachdaran oirn, thu féin, agus do mhac, agus mac do mhic mar an ceudna; oir shaor thu sinn a làimh Mhidiain. 23 Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mis’ a’m’ uachdaran oirbh, ni mò a bhios mo mhac ’na uachdaran oirbh: bithidh an Tighearna ’na uachdaran oirbh. 24 Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarruinn aon athchuinge oirbh, gu’n d’thugadh gach duine dhibh cluas-fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas-fhàinnean òir aca, a chionn gu’m b’ Ismaelich iad.) 25 Agus fhreagair iad, Bheir sinne gu toileach dhuit iad. Agus sgaoil iad eudach, agus thilg iad an sin, gach duine cluas-fhàinnean a chreiche. 26 Agus b’e cothrom nan cluas-fhàinnean òir a dh’iarr e mìle agus seachd ceud secel òir, a thuilleadh air usgraichibh, agus cluigeinibh, agus eudach corcuir a bh’air righribh Mhidiain, agus a thuilleadh air na slabhraidhibh a bh’air amhaichibh an càmhalan. 27 Agus rinn Gideon ephod dheth, agus chuir e i ’na bhaile féin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas ’na déigh; agus rinneadh sin ’na ribe do Ghideon agus d’a thigh. 28 Mar so chìosnaicheadh Midian roimh chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dhà fhichead bliadhna ann an laithibh Ghideoin. 29 Agus chaidh Ierubaal mac Ioais, agus ghabh e còmhnuidh ’na thigh féin. 30 Agus bha aig Gideon deichnear agus tri fichead mac a thàinig o leasraidh féin; oir bha mòran bhan aige. 31 Agus a choimh-leabach (2) a bha ann an Sechem, rug ise mar (1) smachdaich, theagaisg. (2) leannan. [TD 64] BREITHEAMHNA. CAIB. IX. an ceudna mac dha, air an d’thug e Abimelech mar ainm. 32 Agus fhuair Gideon mac Ioais bàs ann an deagh shean aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Ioais athar, ann an Ophrah nan Abiesrach. 33 Agus co-luath ’sa fhuair Gideon bàs, phill clann Israeil a rìs, agus chaidh iad le strìopachas an déigh Bhaalim, agus rinn iad Baal-berit ’na dhia dhoibh féin. 34 Agus cha do chuimhnich clann Israeil an Tighearn an Dia, a shaor iad a làimh an naimhdean uile air gach taobh: 35 Ni mò a nochd iad caoimhneas do thigh Ierubaail, eadhon Ghideoin, a réir a’ mhaitheis sin uile a nochd e do Israel. CAIB. IX. AGUS chaidh Abimelech mac Ierubaail do Shechem, gu bràithribh a mhàthar, agus labhair e riu, agus re teaghlach tighe athar a mhàthar uile, ag ràdh, 2 Labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasaibh mhaithean (1) Shecheim uile, Cia dhiubh is fearr dhuibh tri fichead agus deichnear fhear (eadhon mic Ierubaail uile) a bhi ’nan uachdarain oirbh, no aon fhear a bhi ’na uachdaran oirbh? cuimhnichibh mar an ceudna gur mise bhur cnàimh agus bhur feoil. 3 Agus labhair bràithrean a mhàthar uime ann an cluasaibh mhaithean Shecheim uile na briathra sin uile: agus dh’aom an cridheachan an déigh Abimeleich; oir thubhairt iad, Is e ar bràthair e. 4 Agus thug iad da tri fichead agus deich buinn airgid, a tigh Bhaail-bherit; leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoin (2) agus eutrom, a lean e. 5 Agus chaidh e gu tigh athar ann an Ophrah, agus mharbh e a bhràithre mic Ierubaail, eadhon deichnear agus tri fichead fear, air aon chloich: gidheadh, dh’fhàgadh Iotam am mac a b’òige aig Ierubaal; oir dh’fholaich se e féin. 6 Agus chruinnich maithean Shecheim uile r’a chéile, agus tigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech ’na righ làimh re còmhnard (3) a’ charraigh (4) a bha ann an Sechem. 7 Agus an uair a dh’innis iad so do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sléibh Gherisim agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a chum as gu’n éisd Dia ribhse. 8 Chaidh na craobhan a mach air àm àraidh a dh’ungadh righ os an cionn féin, agus thubhairt iad ris a’ chrann-olaidh, Bi-sa a’d’ righ oirn. 9 Ach thubhairt an crann-olaidh riu, Am fàgainnse mo reamhrachd, leis am bheil iad leam-sa toirt urraim do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhi air m’ardachadh (5) os cionn nan craobh? 10 Agus thubhairt na craobhan ris a’ chrann-fhìge, Thig-sa, agus bi d’ righ oirn. 11 Ach thubhairt an crann-fìge riu, Am fàgainnse mo mhillseachd, agus mo dheagh mheas, (1) dhaoine, luchd-àiteachaidh. (2) folamh. Eabh. (3) daraig, doire. (4) an fhreiceadain. (5) gu mi féin a chrathadh. Eabh. [TD 65] BREITHEAMHNA. CAIB. IX. agus an rachainn gu bhi air m’ardachadh os cionn nan craobh? 12 Agus thubhairt na craobhan ris an fhìonain (1), Thig-sa, agus bi d’ righ oirn. 13 Agus thubhairt an fhìonain riu, Am fàgainnse m’fhìon, a tha toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhi air m’ardachadh os cionn nan craobh? 14 An sin thubhairt na craobhan uile ris an dris (2), Thig-sa, agus bi d’ righ oirn. 15 Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Ma’s e is da rìreadh gu’n ung sibh mise a’m’ righ oirbh, thigibh, cuiribh bhur dòchas (3) a’m’ sgàile-sa: agus mur dean sibh sin, thigeadh teine mach as an dris, agus loisgeadh e seudair (4) Lebanoin. 16 A nis uime sin, ma rinn sibh gu firinneach agus gu tréibh-dhireach an uair a rinn sibh Abimelech ’na righ, agus ma bhuin sibh gu maith re Ierubaal agus r’a thigh, agus ma rinn sibh ris a réir toillteanais a làmh. 17 (Oir chog m’athair-sa air bhur son, agus chuir e anam ann an cunart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain: 18 Agus tha sibh air éirigh suas an aghaidh tighe m’athar-sa an diugh, agus mharbh sibh a mhic, tri fichead agus deichnear fhear, air aon chloich, agus rinn sibh Abimelech mac a bhan-oglaich ’na righ os cionn mhaithean Shecheim, a chionn gur e bhur bràthair e.) 19 Uime sin ma bhuin sibh gu firinneach agus gu tréibh-dhireach re Ierubaal agus r’a thigh an diugh, deanaibh gairdeachas ann an Abimelech, agus deanadh esan mar an ceudna gairdeachas annaibhse: 20 Ach mur do rinn sibh mar sin, thigeadh teine a mach o Abimelech, agus loisgeadh e maithean Shecheim, agus tigh Mhilo: agus thigeadh teine a mach o mhaithibh Shecheim, agus o thigh Mhilo, agus loisgeadh e Abimelech. 21 Agus ruith Iotam air falbh, agus theich e, agus chaidh e gu Beer, agus ghabh e còmhnuidh an sin, air eagal Abimeleich a bhràthar. 22 Agus rìoghaich Abimelech tri bliadhna air Israel. 23 Agus chuir Dia droch spiorad eadar Abimelech agus maithean Shecheim; agus bhuin maithean Shecheim gu fealltach re Abimelech: 24 A chum gu’n d’thigeadh an ainneart (5) a rinneadh air deichnear agus tri fichead mac Ierubaail, agus gu’n luidheadh am fuil air Abimelech am bràthair a mharbh iad, agus air maithibh Shecheim a neartaich a làmhan ann am marbhadh a bhràithrean. 25 Agus chuir maithean Shecheim luchd feall-fholach air a shon air mullaichibh nam beann, agus rinn iad reubainn air gach neach a chaidh seachad orra san t-slighe sin: agus dh’innseadh sin do Abimelech. 26 Agus thàinig Gaal mac Ebeid agus a bhràithrean, agus chaidh iad thairis gu Sechem: agus chuir maithean Shecheim an dòchas ann. (1) ris a’ chrann-fhìona. (2) droighionn; atad. Eabh. (3) earbsadh, muinghin. (4) ceudair. (5) an t-ain-iochd. [TD 66] BREITHEAMHNA. CAIB. IX. 27 Agus chaidh iad a mach do’n fhearann, agus chruinnich iad toradh am fion-liosan, agus bhrùth iad na fion-dhearcan, agus rinn iad gairdeachas (1), agus chaidh iad a steach do thigh an dé, agus dh’ith agus dh’òl iad, agus mhallaich iad Abimelech. 28 Agus thubhairt Gaal mac Ebeid, Cò e Abimelech, agus cò e Sechem, gu’n deanamaid-ne seirbhis da? nach e mac Ierubaail e, agus Sebul ceannard a shlòigh? deanaibh seirbhis do dhaoinibh Hamoir athar Shecheim: oir c’ar son a dheanamaid seirbhis dha-san? 29 Agus b’e mo ghuidhe gu’n d’thugta an sluagh so do m’ làimh-sa, an sin dh’atharraichinn Abimelech. Agus thubhairt e re Abimelech, Meudaich t’armailt, agus thig a mach. 30 Agus an uair a chuala Sebul uachdaran a’ bhaile briathra Ghaail mhic Ebeid, las a chorruich. 31 Agus chuir e teachdairean gu Abimelech os ìosal, ag ràdh, Feuch, thàinig Gaal mac Ebeid agus a bhràithre do Shechem; agus feuch, tha iad a’ teannachadh a’ bhaile a’d’ aghaidh. 32 A nis uime sin éirich suas san oidhche, thu féin agus an sluagh a ta maille riut, agus dean feall-fholach anns an fhearann. 33 Agus anns a’ mhaduinn mu éirigh na gréine, éiridh tu gu moch, agus bheir thu ionnsuidh air a’ bhaile: agus feuch, ’nuair a thig e féin agus an sluagh a tha maille ris a mach a’d’ aghaidh, an sin ni thu orra mar a bhios a’d’ chomas (2). 34 Agus dh’éirich Abimelech suas, agus an sluagh uile a bha maille ris, san oidhche, agus rinn iad feall-fholach an aghaidh Shecheim, ’nan ceithir chuideachdaibh. 35 Agus chaidh Gaal mac Ebeid a mach, agus sheas e ann an dol a stigh geataidh a’ bhaile. Agus dh’éirich Abimelech, agus an sluagh a bha maille ris, o’n fheall-fholach. 36 Agus an uair a chunnaic Gaal an sluagh, thubhairt e re Sebul, Feuch, tha sluagh a’ teachd a nuas o mhullach nam beann. Agus thubhairt Sebul ris, Tha thu faicinn sgàile nam beann mar dhaoine. 37 Agus labhair Gaal a rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha sluagh a’ teachd a nuas o mheadhon na tìre, agus tha cuideachd eile a’ teachd air an aghaidh rathad còmhnaird (3) Mhehonenim. 38 An sin thubhairt Sebul ris, C’àite nis am bheil do bheul, leis an dubhairt thu, Cò e Abimelech, gu’n deanamaid seirbhis da? nach e so an sluagh air an d’rinn thu tàir? falbh a mach, guidheam ort a nis, agus cog riu. 39 Agus chaidh Gaal a mach roimh mhaithean Shecheim, agus chog e re Abimelech. 40 Agus chuir Abimelech an ruaig air agus theich e roimhe, agus thuit mòran a chaidh leònadh, eadhon gu ruig dol a stigh a’ gheataidh. 41 Agus ghabh Abimelech còmhnuidh ann an Arumah; agus dh’fhuadaich Sebul a mach Gaal agus a bhràithrean, a chum (1) cantaireachd; elulim. Eabh. (2) mar a gheibh do làmh. Eabh. (3) daraige. [TD 67] BREITHEAMHNA. CAIB. IX. nach gabhadh iad còmhnuidh ann an Sechem. 42 Agus air an là màireach chaidh an sluagh a mach do’n mhachair, agus dh’innis iad sin do Abimelech. 43 Agus ghabh e’n sluagh, agus roinn e iad ’nan tri chuideachdaibh, agus rinn e feall-fholach sa’ mhachair, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha’n sluagh air dol a mach as a’ bhaile, agus dh’éirich e ’nan aghaidh, agus bhuail e iad. 44 Agus thug Abimelech agus a’ chuideachd a bha maille ris ionnsuidh, agus sheas iad ann an dol a stigh geataidh a’ bhaile: agus thug an dà chuideachd eile ionnsuidh orra-san uile a bha sa’ mhachair, agus bhuail siad iad. 45 Agus chog Abimelech an aghaidh a’ bhaile rè an là sin, agus ghlac e ’m baile, agus mharbh e ’n sluagh a bh’ann, agus leag e sìos am baile, agus chuir e le salann e. 46 Agus an uair a chual’ uile mhuinntir (1) tùir Shecheim sin, chaidh iad a steach do dhaingneach tighe an dé Bherit. 47 Agus dh’innseadh do Abimelech, gu’n robh uile mhuinntir tùir Shecheim air cruinneachadh r’a chéile. 48 Agus chaidh Abimelech suas gu sliabh Shalmoin, e féin agus an sluagh uile a bha maille ris; agus ghlac Abimelech tuagh ’na làimh, agus ghearr e sìos geug o na craobhan, agus ghabh e i, agus chuir e air a ghualainn i, agus thubhairt e ris an t-sluagh a bha maille ris, An ni a chunnaic sibh mise a’ deanamh, greasaibh, deanaibh mar a rinn mise. 49 Agus ghearr mar an ceudna an sluagh uile sìos gach duine a gheug, agus lean iad Abimelech, agus chuir iad ris an daingneach iad, agus chuir iad an daingneach re theine orra: mar sin fhuair daoine tùir Shecheim bàs uile mar an ceudna, mu thimchioll mìle fear agus bean. 50 An sin chaidh Abimelech gu Tebes, agus champaich e ’n aghaidh Thebeis, agus ghlac se e. 51 Ach bha tùr làidir ann am meadhon a’ bhaile, agus gu sin theich na fir agus na mnài uile, agus muinntir a’ bhaile uile, agus dhùin iad orra féin e, agus chaidh iad suas air mullach an tùir. 52 Agus thàinig Abimelech gu ruig an tùr, agus chog e ’na aghaidh, agus dhlùthaich e re dorus an tùir a chum a losgadh le teine. 53 Agus thilg bean àraidh mìr do chloich-mhuilinn air ceann Abimeleich, agus bhris i a chlaigionn. 54 An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ’g iomchar arm, agus thubhairt e ris, Tarruing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gu’n abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t-òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs. 55 Agus an uair a chunnaic fir Israeil gu’n d’fhuair Abimelech bàs, dh’imich iad gach fear d’a àite féin. 56 Agus dhìol Dia olc Abimeleich, a rinn e air athair, le thri fichead agus a dheichnear bhràithrean a mharbhadh. (1) dhaoine. [TD 68] BREITHEAMHNA. CAIB. X. 57 Agus uile olc dhaoine Shecheim dhìol Dia air an ceann féin: agus thàinig orra mallachadh Iotaim mhic Ierubaail. CAIB. X. AGUS dh’éirich an déigh Abimeleich, a shaoradh Israeil, Tola mac Phuah, mhic Dhodo, duine do Isachar; agus bha e chòmhnuidh ann an Samir, ann an sliabh Ephraim. 2 Agus thug e breth air Israel tri bliadhna fichead: agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samir. 3 Agus dh’éirich ’na dhéigh-san Iair, Gileadach, agus thug e breth air Israel dà bhliadhna thar fhichead. 4 Agus bha deich thar fhichead mac aige, a mharcaich air deich thar fhichead asal òg; agus bha deich thar fhichead baile aca, air an d’thugadh Habhot-iair mar ainm gu ruig an la’n diugh, a tha ann an tìr Ghilead. 5 Agus fhuair Iair bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Camon. 6 Agus rinn clann Israeil a rìs olc ann an sùilibh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhaalim, agus do Astarot, agus do dhéibh Shiria, agus do dhéibh Shidoin, agus do dhéibh Mhoaib, agus do dhéibh chloinn Amoin, agus do dhéibh nam Philisteach: agus thréig iad an Tighearna, agus cha d’rinn iad seirbhis dha. 7 Agus las fearg an Tighearn an aghaidh Israeil, agus thug e thairis (1) iad do làimh nam Philisteach, agus do làimh chloinn Amoin. 8 Agus chlaoidh agus rinn iad (2) foirneart air cloinn Israeil anns an àm sin rè ochd bliadhna deug, air cloinn Israeil uile a bh’air an taobh eile do Iordan, ann an tìr nan Amorach, a tha ann an Gilead. 9 Agus chaidh clann Amoin thar Iordan a chogadh mar an ceudna ’n aghaidh Iudah, agus an aghaidh Bheniamin, agus an aghaidh tighe Ephraim: agus bha Israel ann an teanndachd ro-mhòir. 10 Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, ag ràdh, Pheacaich sinn a’t’ aghaidh, an dà chuid a chionn gu’n do thréig sinn ar Dia, agus gu’n d’rinn sinn seirbhis do Bhaalim. 11 Agus thubhairt an Tighearna re cloinn Israeil, Nach do shaor mise sibh o na h-Eiphitich, agus o na h-Amoraich, o chloinn Amoin, agus o na Philistich? 12 Rinn mar an ceudna na Sidonaich, agus na h-Amalecich, agus na Maonaich (3) foirneart oirbh, agus ghlaodh sibh riumsa, agus shaor mi sibh as an làimh. 13 Gidheadh thréig sibh mi, agus rinn sibh seirbhis do dhéibh eile: uime sin cha saor mi sibh ni’s mò. 14 Rachaibh agus gairmibh air na déibh a ròghnuich sibh: saoradh iad sibh ann an àm bhur teanndachd. 15 Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dean-sa ruinn a réir gach ni a ta maith a’d’ shùilibh: a mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an la’n diugh. 16 Agus chuir iad air falbh (1) reic e. Eabh. (2) clann Amoin. (3) Canaanaich. [TD 69] BREITHEAMHNA. CAIB. XI. na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis do’n Tighearna: agus bha doilgheas air anam air son truaighe Israeil. 17 An sin ghairmeadh clann Amoin cuideachd, agus champaich iad ann an Gilead: agus chruinnich clann Israeil iad féin an ceann a chéile, agus champaich iad ann am Mispeh. 18 Agus thubhairt an co’-chruinneach (1), uachdarain Ghilead, gach aon re chéile, Cia am fear sin a thòisicheas re cogadh an aghaidh chloinn Amoin? bithidh esan ’na cheann air uile luchd-àiteachaidh Ghilead. CAIB. XI. A NIS bha Iephtah an Gileadach treun ann an neart, agus bu mhac strìopaiche e: agus ghin Gilead Iephtah. 2 Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Cha’n fhaigh thu oighreachd ann an tigh ar n-athar-ne, oir is mac mnà coimhich (2) thu. 3 An sin theich Iephtah o bhràithribh (3), agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoin gu Iephtah, agus chaidh iad a mach maille ris. 4 Agus an ceann laithean àraidh, chog clann Amoin re h-Israel. 5 Agus an uair a chog clann Amoin re h-Israel, chaidh seanairean Ghilead a thoirt Iephtah a tìr Thoib. 6 Agus thubhairt iad re Iephtah, Thig agus bi a’d’ cheannard oirn, agus cogaidh sinn an aghaidh chloinn Amoin. 7 Agus thubhairt Iephtah re seanairibh Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a mach mi a tigh m’athar? agus c’ar son a thàinig sibh a’m’ionnsuidh a nis, an uair a tha sibh ann an teanntachd? 8 Agus thubhairt seanairean Ghilead re Iephtah, Uime sin phill sinn a nis a’d’ionnsuidh, a chum as gu’n d’théid thu maille ruinn, agus gu’n cog thu ’n aghaidh chloinn Amoin, agus gu’m bi thu a’d’ cheann oirn, eadhon air uile luchd-àiteachaidh Ghilead. 9 Agus thubhairt Iephtah re seanairibh Ghilead, Ma bheir sibh air m’ais mi a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus gu’n d’thoir an Tighearna thairis iad a’m’ fhianuis, am bi mise a’m’ cheann oirbh? 10 Agus thubhairt seanairean Ghilead re Iephtah, Bitheadh an Tighearna ’na fhianuis eadaruinn, gu’n dean sinne mar sin, a réir t’fhocail. 11 Agus chaidh Iephtah maille re seanairibh Ghilead, agus rinn an sluagh (4) e ’na cheann orra, agus ’na cheannard. Agus labhair Iephtah a bhriathran uile an làthair an Tighearn ann am Mispeh. 12 Agus chuir Iephtah teachdairean a dh’ionnsuidh righ chloinn Amoin, ag ràdh, Ciod e do gnothuch-sa rium-sa, gu’n d’thàinig thu a’m’ aghaidh a chogadh ann am thìr? 13 Agus thubhairt righ chloinn (1) sluagh. Eabh. (2) mac màthar eile. (3) o ghnùis a bhràithre. Eabh. (4) an co’-chruinneach. [TD 70] BREITHEAMHNA. CAIB. XI. Amoin re teachdairibh Iephtah, A chionn gu’n do ghlac Israel m’fhearann an uair a thàinig iad a nìos as an Eiphit, o Arnon gu ruig Iaboc, agus gu ruig Iordan; a nis uime sin thoir thusa air ais e (1) ann an sìth. 14 Agus chuir Iephtah a rìs teachdairean a dh’ionnsuidh righ chloinn Amoin; 15 Agus thubhairt e ris, Mar so tha Iephtah ag ràdh, Cha do ghlac Israel fearann Mhoaib, no fearann chloinn Amoin: 16 Ach an uair a thàinig Israel a nìos as an Eiphit, agus a ghluais iad troimh ’n fhàsach gu ruig a’ mhuir ruadh, agus a’ thàinig iad gu Cades; 17 An sin chuir Israel teachdairean gu righ Edoim, ag ràdh, Leig dhuinn, guidheamaid ort, dol troimh t’fhearann: ach cha’n eisdeadh righ Edoim. Agus mar an ceudna chuir iad teachdairean gu righ Mhoaib; ach cha d’aontaich e: agus dh’fhan Israel ann an Cades. 18 An sin ghluais iad troimh ’n fhàsach, agus chuairtich iad tìr Edoim, agus tìr Mhoaib, agus thàinig iad o thaobh na h-airde ’n ear do thìr Mhoaib, agus champaich iad air an taobh eile do Arnon, ach cha d’thàinig iad an taobh a stigh do chrìch Mhoaib: oir b’e Arnon crìoch Mhoaib. 19 Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon righ nan Amorach, righ Hesboin; agus thubhairt Israel ris, Leig dhuinn, guidheamaid ort, gabhail troimh t’fhearann do’r n-àite féin. 20 Ach cha d’earb Sihon re h-Israel gabhail tre chrìch: ach chruinnich Sihon a shluagh uile cuideachd, agus champaich iad ann an Iahas; agus chog e re h-Israel. 21 Agus thug an Tighearna Dia Israeil Sihon agus a shluagh uile thairis do làimh Israeil, agus bhuail siad iad: agus shealbhaich Israel uile fhearann nan Amorach, luchd-àiteachaidh na tìre sin. 22 Agus shealbhaich iad uile chrìocha nan Amorach, o Arnon gu ruig Iaboc, agus o’n fhàsach gu ruig Iordan. 23 Agus a nis thilg an Tighearna Dia Israeil a mach na h-Amoraich a fianuis a shluaigh Israeil, agus am bu chòir dhuitse dol ’nan seilbh-san? 24 An ni sin a bheir do dhia Chemos dhuit r’a shealbhachadh, nach sealbhaich thusa e? agus ge b’e neach a thilg an Tighearn ar Dia-ne mach romhainn, ’na sheilbh-san theid sinne. 25 Agus a nis am bheil thusa ni’s fearr na Balac, mac Shipoir, righ Mhoaib? an do rinn esan riamh strì re h-Israel, agus an do chog e riamh ’nan aghaidh? 26 ’Nuair a ghabh Israel còmhnuidh ann an Hesbon agus ’na bhailtibh, agus ann an Aroer agus ’na bhailtibh, agus anns na bailtibh uile a tha làimh re Arnon, rè thri ceud bliadhna; c’ar son nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin. 27 Uime sin cha do pheacaich mise a’d’ aghaidh, ach tha thusa a’ deanamh eucoir ormsa (2) le cogadh a’m’ aghaidh: thugadh an Tighearn am Breitheamh (1) iad. Eabh. (2) a’ buntainn gu h-olc riumsa. Eabh. [TD 71] BREITHEAMHNA. CAIB. XII. breth an diugh eadar clann Israeil agus clann Amoin. 28 Gidheadh cha d’éisd righ chloinn Amoin re briathraibh Iephtah, a chuir e d’a ionnsuidh. 29 Agus thàinig spiorad an Tighearn air Iephtah, agus chaidh e thairis gu Gilead agus Manaseh, agus o sin chaidh e thairis gu Mispeh Ghilead, agus o Mhispeh Ghilead chaidh e thairis gu cloinn Amoin. 30 Agus bhòidich Iephtah bòid (1) do’n Tighearna, agus thubhairt e, Ma bheir thu gu cinnteach clann Amoin thairis do m’ làimh, 31 An sin tarlaidh, ge b’e ni a thig a mach a dorsaibh mo thighe a’m’ choinneamh, ’nuair a philleas mi ann an sìth o chloinn Amoin, gu cinnteach gur leis an Tighearn e, agus (2) ìobraidh mi dha ìobairt-loisgte (3). 32 Agus chaidh Iephtah thairis gu cloinn Amoin a chogadh ’nan aghaidh, agus thug an Tighearna thairis iad d’a làimh. 33 Agus bhuail e iad o Aroer, eadhon gus an d’thig thu gu Minit, fichead baile (4), agus gu còmhnard nam fion-lios, le àr (5) ro-mhòr. Mar so dh’irioslaicheadh clann Amoin am fianuis chloinn Israeil. 34 Agus thàinig Iephtah gu Mispeh d’a thigh, agus feuch, thàinig a nighean a mach ’na choinneamh le tiompanaibh agus le dannsaibh, agus b’i aon leanabh cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i. 35 Agus an uair a chunnaic e i, reub e eudach, agus thubhairt e, Och, mo nighean, is ro-ìosal a leag thu mi, agus is aon thu dhiubhsan a ta ’gam chlaoidh; oir dh’fhosgail mi mo bheul do’n Tighearna, agus cha’n fheud mi dol air m’ais. 36 Agus thubhairt ise ris, Athair, ma dh’fhosgail thu do bheul do’n Tighearna, dean riumsa a réir an ni a thàinig a mach as do bheul, o rinn an Tighearna dioghaltas air do shonsa air do naimhdibh, air cloinn Amoin. 37 Agus thubhairt i r’a h-athair, Deanar an ni so air mo shonsa, Leigear leam dà mhìos, a chum gu’n imich mi suas agus sìos air na beanntaibh, agus gu’n dean mi caoidh air son m’òigheachd, mi féin agus mo bhan-chompanacha. 38 Agus thubhairt e, Imich. Agus leig e air falbh i rè dà mhìos: agus chaidh i maille r’a ban-chompanachaibh, agus rinn i caoidh air son a h-òigheachd air na beanntaibh. 39 Agus an ceann dà mhìos, phill i dh’ionnsuidh a h-athar, agus rinn e rithe a réir a bhòid a bhòidich e: agus cha robh aithne aice air fear. Agus bha e ’na ghnàth ann an Israel, 40 Gu’n rachadh nigheana Israeil a bhliadhna gu bliadhna a thoirt co’-fhurtachd do (6) nighinn Iephtah a’ Ghileadaich, ceithir laithean sa’ bhliadhna. CAIB. XII. AGUS chruinnicheadh fir Ephraim an ceann a chéile, agus chaidh iad thairis mu thuath (7), agus thubhairt iad re (1) mòid. (2) no. (3) bheir mi suas e mar ìobairt-loisgte. (4) cathair, baile cuairtichte le balladh. (5) marbhadh. (6) dheanamh caoidh air son. (7) gu Sephon. [TD 72] BREITHEAMHNA. CAIB. XIII. Iephtah, C’ar son a chaidh thu thairis a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus nach do ghairm thu oirne gu dol maille riut? loisgidh sinn do thigh ort le teine. 2 Agus thubhairt Iephtah riu, Bha agamsa agus aig mo shluagh comh-stri mhòr re cloinn Amoin; agus an uair a ghairm mi oirbh, cha do shaor sibh mi as an làimh. 3 Agus an uair a chunnaic mi nach do shaor sibh (1) mi, chuir mi m’anam a’m’ làimh, agus chaidh mi a nunn (2) an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad do m’ làimh: c’ar son ma ta a tha sibh air teachd a nìos a m’ ionnsuidhs’ an diugh a chogadh a’m’ aghaidh? 4 An sin chruinnich Iephtah cuideachd fir Ghilead uile, agus chog e re h-Ephraim: agus bhuail fir Ghilead Ephraim a chionn gu’n dubhairt iad, Is luchd-fuadain do Ephraim, sibhse a Ghileadacha, am measg Ephraim, agus am measg Mhanaseh. 5 Agus ghlac na Gileadaich àthanna Iordain air na h-Ephraimich: agus an uair a thubhairt na h-Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Cha ’n eadh; 6 An sin thubhairt iadsan ris, Abair a nis Schibolet; agus thubhairt esan Sibolet: oir cha b’urrainn e a ràdh mar sin (3). An sin ghabh iad e, agus mharbh iad e aig àthannaibh Iordain: agus thuit anns an àm sin do na h-Ephraimich a dhà agus dà fhichead mìle. 7 Agus thug Iephtah breth air Israel sè bliadhna: an sin fhuair Iephtah an Gileadach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an aon do bhailtibh (4) Ghilead. 8 Agus ’na dhéigh-san thug Ibsan o Bhetlehem breth air Israel. 9 Agus bha deich thar fhichead mac aige, agus deich thar fhichead nighean, a chuir e mach uaith, agus ghabh e deich thar fhichead nighean a stigh d’a ionnsuidh air son a mhac. Agus thug e breth air Israel seachd bliadhna. 10 Agus fhuair Ibsan bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Betlehem. 11 Agus ’na dhéigh-san thug Elon an Sebulonach breth air Israel deich bliadhna. 12 Agus fhuair Elon an Sebulonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Aialon ann an tìr Shebuloin. 13 Agus ’na dhéigh-san thug Abdon mac Hileil, Piratonach, breth air Israel. 14 Agus bha dà fhichead mac aige, agus deich thar fhichead mac a mhac, a mharcaich air deich agus tri fichead asal òg: agus thug e breth air Israel ochd bliadhna. 15 Agus fhuair Abdon mac Hileil am Piratonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Piraton, ann an tìr Ephraim, ann an sliabh nan Amaleceach. CAIB. XIII. AGUS rinn clan Israeil olc a rìs ann an sùilibh an (1) thu. Eabh. (2) a null; anonn. Eir. (3) gu ceart. (4) ann am baile. [TD 73] BREITHEAMHNA. CAIB. XIII. Tighearna, agus thug an Tighearna thairis iad do làimh nam Philisteach dà fhichead bliadhna. 2 Agus bha duine àraidh do Shorah, do theaghlach nan Danach, d’am b’ainm Manoah, agus bha a bhean neo-thorach, agus cha d’rug i clann. 3 Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearn e féin do’n mhnaoi (1), agus thubhairt e rithe, Feuch a nis, tha thu neo-thorach, agus cha d’rug thu fathast clann; ach ginidh tu agus beiridh tu mac. 4 A nis ma ta thoir an aire, guidheam ort, agus na h-òl fion no deoch làidir, agus na h-ith ni air bith neo-ghlan; 5 Oir feuch, ginidh tu agus beiridh tu mac, agus cha d’thig ealtainn sam bith air a cheann; or bithidh an leanabh ’na Nasarach do Dhia o’n bhroinn: agus tòisichidh e air Israel a shaoradh a làimh nam Philisteach. 6 Agus thàinig a’ bhean agus dh’innis i d’a fear, ag ràdh, Thàinig òglach (2) Dhé a m’ionnsuidh, agus a ghnùis mar ghnùis aingil Dé, ro-uamhasach: ach cha d’fheòraich mi dheth cia as a bha e, agus cha d’innis e dhomh ainm. 7 Ach thubhairt e rium, Feuch, ginidh tu, agus beiridh tu mac: agus a nis na h-òl fion no deoch làidir, agus na h-ith ni air bith neo-ghlan: oir bithidh an leanabh ’na Nasarach do Dhia o’n bhroinn gu là a bhàis. 8 An sin ghuidh Manoah air an Tighearna, agus thubhairt e, O mo Thighearna, thigeadh, guidheam ort, òglach Dhé a chuir thu uait a rìs d’ar n-ionnsuidh, agus teagaisgeadh e dhuinn ciod a ni sinn ris an leanabh a bheirear. 9 Agus dh’éisd Dia re guth Mhanoah, agus thàinig aingeal Dhé a rìs a dh’ionnsuidh na mnà, agus i ’na suidhe anns an achadh: ach cha robh Manoah a fear maille rithe. 10 Agus rinn a’ bhean cabhag, agus ruith i, agus dh’innis i d’a fear, agus thubhairt i ris, Feuch, chunnaic mi an duine a thàinig a m’ ionnsuidh air an là roimhe. 11 Agus dh’éirich Manoah, agus chaidh e ’n déigh a mhnà, agus thàinig e dh’ionnsuidh an duine, agus thubhairt e ris, An tusa an duine a labhair ris a’ mhnaoi? Agus thubhairt esan, Is mi. 12 Agus thubhairt Manoah, A nis thigeadh do bhriathra gu crìch: cionnus a dh’orduicheas sinn mu’n leanabh, agus ciod a ni sinn ris? 13 Agus thubhairt aingeal an Tighearna re Manoah, O gach ni a thubhairt mise ris a’ mhnaoi coimheadadh (3) si i féin. 14 Do ni sam bith a thig o’n chrann-fhìona na h-itheadh i, agus fion no deoch làidir na h-òladh i, agus ni sam bith neo-ghlan na h-itheadh i: gach ni a dh’àithn mise dh’i, coimheadadh i. 15 Agus thubhairt Manoah re aingeal an Tighearna, Leig dhuinn, guidheamaid ort, do ghleidheadh, agus deasaichidh sinn fa d’ chomhair meann do na gabhraibh. 16 Agus thubhairt aingeal an (1) chunncas aingeal an Tighearna leis a’ mhnaoi. Eabh. (2) duine. Eabh. (3) gleidheadh. [TD 74] BREITHEAMHNA. CAIB. XIV. Tighearna re Manoah, Ge do ghléidh thu mi, cha’n ith mi do t’aran: agus ma bheir thu suas ìobairt-loisgte, do’n Tighearna bheir thu suas i: oir cha robh fios aig Manoah gu’m b’e aingeal an Tighearn e. 17 Agus thubhairt Manoah re aingeal an Tighearna, Ciod is ainm dhuit; a chum as, ’nuair a thig do bhriathra gu crìch, gu’n d’thoir sinn urram dhuit? 18 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, C’ar son a tha thu mar so a’ fiosrachadh a thaobh m’ainme-sa, agus gu bheil e dìomhair (1)? 19 Agus ghabh Manoah meann do na gabhraibh, maille re tabhartas-bìdh, agus dh’ìobair se e air carraig do’n Tighearna: agus b’iongantach an ni a rinn an t-aingeal, agus Manoah agus a bhean ag amharc air; 20 Oir an uair a dh’éirich an lasair bhàrr na h-altarach suas gu nèamh, chaidh aingeal an Tighearna suas ann an lasair na h-altarach; agus an uair a chunnaic Manoah agus a bhean sin, thuit iad air an aghaidh a dh’ionnsuidh na talmhainn. 21 (Ach cha d’fhoillsich aingeal an Tighearn e féin tuilleadh do Mhanoah agus d’a mhnaoi.) An sin bha fios aig Manoah gu’m b’e aingeal an Tighearn e. 22 Agus thubhairt Manoah r’a mhnaoi, Gu cinnteach gheibh sinn bàs, oir chunnaic sinn Dia. 23 Ach thubhairt a bhean ris, Nam bu toil leis an Tighearn ar marbhadh, cha ghabhadh e o’r làimh ìobairt-loisgte agus tabhartas-bìdh, agus cha nochdadh e dhuinn na nithe so uile, agus mar air an àm so cha chuireadh e ’n céill duinn a leithid so do nithibh. 24 Agus rug a’ bhean leanabh, agus thug i Samson mar ainm air: agus dh’fhàs an leanabh, agus bheannaich an Tighearn e. 25 Agus thòisich spiorad an Tighearna r’a bhrosnachadh air uairibh ann an camp Dhain, eadar Sorah agus Estaol. CAIB. XIV. AGUS chaidh Samson sìos gu Timnat: agus chunnaic e bean ann an Timnat do nigheanaibh nam Philisteach. 2 Agus thàinig e nìos, agus dh’innis e d’a athair agus d’a mhàthair, agus thubhairt e, Chunnaic mi bean ann an Timnat do nigheanaibh nam Philisteach: agus a nis faighibh i dhomhsa mar mhnaoi. 3 An sin thubhairt athair agus a mhàthair ris, Nach ’eil bean air bith am measg nigheana do bhràithre, no am measg mo shluaigh uile, gu’n rachadh tu a ghabhail mnà do na Philistich neo-thimchiollghearrta? Agus thubhairt Samson r’a athair, Faigh dhomh i, oir tha i taitneach (2) a’m’ shùilibh. 4 Ach cha robh fhios aig athair agus a mhàthair gu’m b’ann o’n Tighearna bha e, gu’n d’iarr e fàth an aghaidh nam Philisteach: oir anns an àm sin bha uachdranachd aig na Philistich os cionn Israeil. 5 Uime sin chaidh Samson sìos, agus athair agus a mhàthair, gu Timnat, agus thàinig (1) iongantach. Eabh. (2) dìreach, ceart. Eabh. [TD 75] BREITHEAMHNA. CAIB. XIV. iad gu fion-liosaibh Thimnait; agus feuch, bha leòmhan òg a’ beuchdaich ’na aghaidh; 6 Agus thàinig spiorad an Tighearn air gu treun, agus reub se e mar a reubadh e meann, agus cha robh ni air bith ’na làimh: ach cha d’innis e d’a athair no d’a mhàthair ciod a rinn e. 7 Agus chaidh e sìos, agus labhair e ris a’ mhnaoi; agus bha i taitneach ann an sùilibh Shamsoin. 8 Agus an déigh laithean àraidh, phill e chum a gabhail, agus chaidh e a leth-taobh a dh’fhaicinnclosaich an leòmhain, agus feuch, bha sgaoth bheach ann an closaich an leòmhain, agus mil. 9 Agus ghabh e dhith ’na làmhaibh, agus chaidh e air aghaidh ag itheadh, agus thàinig e dh’ionnsuidh athar agus a mhàthar, agus thug e dhoibh, agus dh’ith iad: ach cha d’innis e dhoibh gu’m b’ann a closaich an leòmhain a thug e a’ mhil. 10 Agus chaidh athair sìos a dh’ionnsuidh na mnà, agus rinn Samson an sin cuirm (1): oir mar sin bu ghnàth leis na daoinibh òga a dheanamh. 11 Agus an uair a chunnaic iad e, thug iad deich thar fhichead companach gu bhi maille ris. 12 Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi nis toimhseachan a mach dhuibh: ma chuireas sibh gu cinnteach an céill domh e an taobh a stigh do sheachd laithibh na cuirme, agus gu’m faigh sibh a mach e, an sin bheir mise dhuibh deich thar fhichead brat-lìn (2), agus deich thar fhichead culaidh eudaich. 13 Ach mur urrainn sibh a chur an céill domh, an sin bheir sibhse dhomh-sa deich thar fhichead brat-lìn, agus deich thar fhichead culaidh eudaich. Agus thubhairt iad ris, Cuir a mach do thoimhseachan, agus gu’n cluinn sinn e. 14 Agus thubhairt esan riu, As an fhear a dh’itheas thàinig a mach biadh, agus as an fhear gharg (3) thàinig a mach millsead. Agus cha b’urrainn iad an toimhseachan fhuasgladh ann an tri laithibh. 15 Agus air an t-seachdamh là thubhairt iad re mnaoi Shamsoin, Meall t’fhear, a chum as gu’n innis e dhuinn (4) an toimhseachan, air eagal gu’n loisg sinn thu féin agus tigh t’athar le teine: an ann gu sealbh a ghabhail anns na bheil againn a ghairm thu oirn? nach ann? 16 Agus ghuil bean Shamsoin ’na fhianuis, agus thubhairt i, Tha mhàin fuath agad orm, agus cha ’n’eil gràdh agad domh: chuir thu mach toimhseachan do chloinn mo shluaigh (5), agus cha d’innis thu dhomhsa e. Agus thubhairt esan rithe, Feuch, cha d’innis mi e do m’athair no do m’ mhàthair, agus an innis mi dhuitse e? 17 Agus ghuil i ’na làthair rè nan seachd laithean a bha chuirm aca: agus air an t-seachdamh là dh’innis e dh’i, a chionn gu’n do chuir i gu teann ris: agus dh’innis ise an toimhseachan do chloinn a sluaigh. 18 Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris air an t-seachdamh là, roimh luidhe na gréine, Ciod is milse na mil, agus ciod is gairge (6) (1) rè sheachd laithean. (2) léine-lìn, earradh-lìn. (3) làidir. (4) dhuit. (5) mo dhaoine. (6) làidire. [TD 76] BREITHEAMHNA. CAIB. XV. na leòmhan? Agus thubhairt esan riu, Mur bitheadh sibh air treabhadh (1) le m’ agh-sa (2), cha’n fhaigheadh sibh a mach mo thoimhseachan. 19 Agus thàinig spiorad an Tighearn air gu treun, agus chaidh e sìos gu Ascelon, agus mharbh e dhiubh deich thar fhichead fear, agus ghabh e am faobh (3), agus thug e culaidhean eudaich dhoibhsan a dh’fhuasgail an toimhseachan: agus las fhearg, agus chaidh e suas gu tigh athar. 20 Ach thugadh (4) bean Shamsoin d’a chompanach, a bha mar charaid aige. CAIB. XV. AGUS an déigh laithean àraidh, ann an àm fogharaidh a’ chruithneachd, chaidh Samson a dh’fhaicinn a mhnà le meann do na gabhraibh, agus thubhairt e, Théid mi stigh a dh’ionnsuidh mo mhnà do’n t-seòmar. Ach cha leigeadh a h-athair leis dol a stigh. 2 Agus thubhairt a h-athair, Gu deimhin shaoil mi gu’n d’fhuathaich thu gu tur i, agus thug mi i do d’ chompanach: nach ’eil a piuthar a’s òige ni’s maisiche na i? bitheadh i nis agad ’na h-àite. 3 Agus thubhairt Samson mu’n timchioll, A nis bithidh mi ni’s neo-chiontaiche na na Philistich, ge do ni mi olc orra. 4 Agus chaidh Samson, agus ghlac e tri cheud sionnach, agus ghabh e leusan-teine, agus thionndaidh e earball re h-earball, agus chuir e leus-teine anns a’ mheadhon eadar dà earball. 5 Agus an uair a chuir e na leusan re theine, leig e air falbh iad am measg arbhair nam Philisteach, agus loisg e ’n dà chuid na h-adagan agus mar an ceudna an t-arbhar a bha ’na sheasamh, maille ris na fion-liosaibh agus ris na liosaibh-olaidh. 6 An sin thubhairt na Philistich, Cò rinn so? Agus dh’innseadh dhoibh, Samson cliamhuinn an Timnataich, a chionn gu’n do ghabh esan a bhean, agus gu’n d’thug e i d’a chompanach. Agus chaidh na Philistich suas, agus loisg iad i féin agus a h-athair le teine. 7 Agus thubhairt Samson riu, Ge do rinn sibh mar so, gidheadh dìolaidh mise mi féin oirbh, agus ’na dhéigh sin sguiridh mi. 8 Agus bhuail e iad cos gu leis (5) le h-àr mòr; agus chaidh e sìos agus ghabh e còmhnuidh ann an uaimh (6) carraige Etaim. 9 Agus chaidh na Philistich suas, agus champaich iad ann an Iudah, agus sgaoil siad iad féin ann an Lehi. 10 Agus thubhairt fir Iudah, C’ar son a thàinig sibh a nìos ’nar n-aghaidh-ne? Agus thubhairt iadsan, A cheangal Shamsoin thàinig sinn a nìos, a dheanamh air mar a rinn esan oirne. 11 Uime sin chaidh tri mìle fear do Iudah sìos gu uaimh carraige Etaim, agus thubhairt iad re Samson, Nach ’eil fhios agad gu bheil na Philistich ’nan uachdarain oirne? agus ciod é so a rinn thu oirn? agus thubhairt esan riu, Mar a rinn iadsan ormsa, mar sin rinn mise orra-san. (1) air ar. (2) le m’ cholpaich-sa. (3) an éidigh, an creach. (4) bha. Eabh. (5) cos air leis. (6) air mullach. [TD 77] BREITHEAMHNA. CAIB. XVI. 12 Agus thubhairt iad ris, A chum thusa a cheangal tha sinn air teachd a nuas, a chum as gu’n d’thoir sinn thairis thu do làimh nam Philisteach. Agus thubhairt Samson riu, Thugaibh bhur mionnan dhomh, nach buail sibh féin orm. 13 Agus fhreagair iad e, ag ràdh, Cha bhuail: ach ceanglaidh sinn thu gu teann, agus bheir sinn thairis thu d’an làimh, ach gu cinnteach cha mharbh sinn thu. Agus cheangail iad e le dà chord nomha, agus thug iad a nìos e o’n charraig. 14 Agus an uair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol ’na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearn air gu treun, agus dh’fhàs na cuird a bha air a ghairdeanaibh mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmha. 15 Agus fhuair e cnàimh-peircill (1) ùr asail, agus chuir e mach a làmh, agus ghlac se e, agus bhuail e leis mìle fear. 16 Agus thubhairt Samson, Le cnàimh-peircill asail, dùn air dhùn (2), le cnàimh-peircill asail mharbh mi mìle fear. 17 Agus an uair a sguir e do labhairt, thilg e ’n cnàimh-peircill as a làimh, agus dh’ainmich e ’n t-àite sin Ramat-lehi. 18 Agus bha tart mòr air, agus ghairm e air an Tighearna, agus thubhairt e, Thug thu an t-saorsa mhòr so do làimh do sheirbhisich: agus a nis am faigh mi bàs le tart, agus an tuit mi ann an làimh nan neo-thimchiollghearrta? 19 Agus sgoilt Dia lag (3) a bha ann an Lehi (4), agus thàinig uisge as; agus dh’òl e, agus thàinig a spiorad a rìs, agus dh’ath-bheothaicheadh e: uime sin thug e En-hacore mar ainm air, a tha ann an Lehi gu ruig an la ’n diugh. 20 Agus thug e breth air Israel ann an laithibh nam Philisteach fichead bliadhna. CAIB. XVI. AGUS chaidh Samson gu Gasa, agus chunnaic e an sin strìopach, agus chaidh e stigh d’a h-ionnsuidh. 2 Agus dh’innseadh do na Gasaich, ag ràdh, Thàinig Samson an so. Agus chuairtich iad e, agus rinn iad feall-fholach air a shon rè na h-oidhche ann an geatadh a’ bhaile, agus bha iad tosdach (5) rè na h-oidhche, ag ràdh, ’Nuair a thig solus na maidne, marbhaidh sinn e. 3 Agus luidh Samson gu meadhon-oidhche, agus dh’éirich e mu mheadhon-oidhche, agus ghabh e comhlaichean geataidh a’ bhaile, agus an dà phost, agus thug e leis iad maille ris na crannaibh, agus chuir e air a ghuaillibh iad, agus thug e suas iad gu mullach sléibhe a tha fa chomhair Hebroin. 4 Agus ’na dhéigh sin ghràdhaich e bean ann an gleann Shoreic, d’am b’ainm Delilah. 5 Agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas d’a h-ionnsuidh, agus thubhairt iad rithe, Meall e, agus feuch c’àit am bheil a neart mòr a’ luidhe, agus cionnus a bhuadhaicheas sinn air, air chor as gu’n ceangail sinn e a chum a cheannsachadh (6): agus (1) cnàimh-géil. (2) le cnàimh-peircill asail chlaoidh mi iad. (3) àite folamh. (4) anns a’ ghiall. (5) sàmhach. (6) a phianadh, a chlaoidh. [TD 78] BREITHEAMHNA. CAIB. XVI. bheir sinn dhuit gach aon againn mìle agus ceud bonn airgid. 6 Agus thubhairt Delilah re Samson, Innis dhomh, guidheam ort, c’àit am bheil do neart mòr a’ luidhe, agus cionnus a dh’fheudas tu bhi air do cheangal chum do cheannsachadh. 7 Agus thubhairt Samson rithe, Ma cheanglas iad mi le seachd goid ùra, nach do thiormaicheadh, an sin bithidh mi anmhunn, agus bithidh mi mar dhuine eile. 8 An sin thug tighearnan nam Philisteach suas d’a h-ionnsuidh seachd goid ùra nach do thiormaicheadh, agus cheangail i e leo. 9 (A nis bha daoine re feall-fholach, a’ fantuinn maille rithe anns an t-seòmar.) Agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus bhris e na goid, mar a bhrisear snàthainn ascaird (1) an uair a bheanas e re teine (2): agus cha d’fhuaras fios a neart. 10 Agus thubhairt Delilah re Samson, Feuch, mheall thu mi, agus dh’innis thu dhomh breugan: a nis innis dhomh, guidheam ort, cionnus a dh’fheudas tu bhi air do cheangal. 11 Agus thubhairt esan rithe, Ma cheanglas iad mi gu teann le cordaibh ùra nach do ghnàthaicheadh riamh, an sin bithidh mi anmhunn, agus bithidh mi mar dhuine eile. 12 Agus ghabh Delilah cuird ùra, agus cheangail i e leo, agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. (Agus bha luchd feall-fholach a’ fantuinn anns an t-seòmar.) Agus bhris e iad bhàrr a ghairdeana mar shnàthainn. 13 Agus thubhairt Delilah re Samson, Gu ruige so mheall thu mi, agus dh’innis thu dhomh breugan: innis dhomh cionnus a dh’fheudas tu bhi air do cheangal. Agus thubhairt esan rithe, Ma dh’fhigheas tu seachd duail (3) mo chinn maille ris an eige. 14 Agus dhaingnich i iad leis a’ phinne (4), agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chodal, agus thug e air falbh leis pinne na garmainn agus an eige. 15 Agus thubhairt ise ris, Cionnus is urrainn thu a ràdh, Tha gràdh agam dhuit, an uair nach ’eil do chridhe leam? na tri uaire so mheall thu mi, agus cha d’innis thu dhomh c’àit am bheil do neart mòr a’ luidhe. 16 Agus an uair a chuir i gu tennn ris gach aon là le a briathraibh, agus a choi’-éignich i e, bha anam air a chràdh gu bàs. 17 An sin dh’innis e dh’i a chridhe uile, agus thubhairt e rithe, Ealtainn cha d’thàinig riamh air mo cheann; oir bu Nàsarach do Dhia mi o bhroinn mo mhàthar: ma bhearrar mi, an sin falbhaidh mo neart uam, agus fàsaidh mi anmhunn, agus bithidh mi mar gach duine eile. 18 Agus an uair a chunnaic Delilah gu’n d’innis e dh’i a chridhe uile, chuir i fios, agus ghairm i air tighearnaibh nam Philisteach, ag ràdh, Thigibh a nìos an aon uair so, oir dh’innis e dhomh a chridhe uile. An sin thàinig tighearnan nam Phi- (1) barraiche. (2) a ghabhas e fàile an teine. Eabh. (3) ciabhan. (4) tarraing. [TD 79] BREITHEAMHNA. CAIB. XVI. listeach a nìos d’a h-ionnsuidh, agus thug iad airgiod a nìos ’nan làimh. 19 Agus thug i air codal air a glùinibh, agus ghairm i air fear, agus thug i air seachd duail a chinn a bhearradh dheth, agus thòisich i air a cheannsachadh, agus dh’fhalbh a neart uaith. 20 Agus thubhairt i, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chodal, agus thubhairt e, Théid mi mach, mar air uairibh eile, agus crathaidh mi mi féin: oir cha robh fhios aige gu’n d’imich an Tighearn uaith. 21 Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gasa, agus cheangail iad e le geimhlibh umha, agus bha e a’ bleth ann an tigh a’ phrìosain (1). 22 Gidheadh thòisich folt a chinn air fàs a rìs, an déigh dha bhi air a bhearradh. 23 Agus chruinnich tighearnan nam Philisteach iad féin an ceann a chéile a dh’ìobradh ìobairte mòire d’an dia Dagon, agus a dheanamh gairdeachais: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis Samson ar nàmhaid d’ar làimh. 24 Agus an uair a chunnaic an sluagh e, mhol iad an dia: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis d’ar làimh ar nàmhaid, agus fear-millidh ar dùcha, a mharbh mòran dhinn. 25 Agus an uair a bha’n cridheacha subhach, thubhairt iad, Gairmibh air Samson, a chum as gu’n dean e fearas-chuideachd (2) dhuinn. Agus ghairm iad air Samson a tigh a’ phrìosain, agus rinn e fearas-chuideachd ’nan làthair: agus chuir iad e eadar na puist. 26 Agus thubhairt Samson ris an òganach a ghabh greim d’a làimh, Leig dhomh na puist a laimhseachadh air am bheil an tigh ’na sheasamh, a chum as gu’n leig mi mo thaic riu. 27 A nis bha’n tigh làn dhaoine agus bhan: agus bha uile thighearnan nam Philisteach an sin, agus bha air mullach an tighe mu thimchioll tri mìle fear agus bean, a bha ’g amharc an uair a rinn Samson fearas-chuideachd. 28 Agus ghairm Samson air an Tighearn, agus thubhairt e, O Thighearna Dhé, cuimhnich orm, guidheam ort, agus neartaich mi, guidheam ort, a mhàin an aon uair so, O Dhé, a chum as gu’m bi mi dìolta dh’aon tarraing air na Philistich air son mo dhà shùl. 29 Agus ghabh Samson greim do’n dà phost mheadhonach air an robh an tigh ’na sheasamh, agus ris an robh e ’n taic, do h-aon diubh le a làimh dheis, agus do’n fhear eile le a làimh chli. 30 Agus thubhairt Samson, Faigheam bàs (3) maille ris na Philistich; agus chrom se e féin (4) le uile neart: agus thuit an tigh air na tighearnaibh, agus air an t-sluagh uile a bha ann: agus bha na mairbh a mharbh e aig a bhàs ni bu lìonmhoire na iad-san a mharbh e ’na bheatha. 31 Agus chaidh a bhràithrean agus tigh athar uile sìos, agus ghabh iad e, agus thug iad (1) ann an tigh nan daoine ceangailte. Eabh. (2) spòrs, sùgradh. (3) Bàsaicheadh m’anam. Eabh. (4) tharruing e sìos na puist. [TD 80] BREITHEAMHNA. CAIB. XVII. XVIII. suas e, agus dh’adhlaic iad e eadar Sorah agus Estaol, ann an àit-adhlaic Mhanoah athar, agus thug e breth air Israel fichead bliadhna. CAIB. XVII. AGUS bha duine do shliabh Ephraim, d’am b’ainm Micah. 2 Agus thubhairt e r’a mhàthair, Am mìle agus an ceud secel airgid, a thugadh air falbh uait, mu’n do mhallaich thu, agus mu’n do labhair thu cuideachd ann am chluasaibh-sa; feuch, tha ’n t-airgiod agamsa, ghabh mise e. Agus thubhairt a mhàthair, Gu ma beannaichte thusa o’n Tighearna, a mhic. 3 Agus an uair a thug e air ais am mìle agus an ceud secel airgid d’a mhàthair, thubhairt a mhàthair, Naomhaich mi gu h-iomlan (1) an t-airgiod do’n Tighearna o m’ làimh, air son mo mhic, a dheanamh deilbh snaidhte, agus deilbh leaghta: a nis ma ta bheir mi air ais dhuit e. 4 Agus thug e air ais an t-airgiod d’a mhàthair, agus ghabh a mhàthair dà cheud secel airgid, agus thug i iad do’n òr-cheard, agus rinn esan dhiubh dealbh snaidhte agus dealbh leaghta: agus bha iad ann an tigh Mhicah. 5 Agus bha aig an duine Micah tigh dhiathan (2), agus rinn e ephod, agus teraphim, agus choisrig (3) e aon d’a mhic, agus bha e aige ’na shagart. 6 Anns na laithibh sin cha robh righ air bith ann an Israel: rinn gach fear an ni sin a bha ceart ’na shùilibh féin. 7 Agus bha òganach o Bhetlehem Iudah, do theaghlach Iudah, a bha ’na Lebhitheach, agus bha e air chuairt an sin. 8 Agus dh’imich an duine as a’ bhaile o Bhetlehem Iudah, a dhol air chuairt far am faigheadh e àit, agus thàinig e gu sliabh Ephraim, gu tigh Mhicah, a’ dol air aghaidh air a thurus. 9 Agus thubhairt Micah ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, Is Lebhitheach mise o Bhetlehem Iudah, agus tha mi a’ triall air chuairt far am faigh mi àite. 10 Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhomhsa a’d’ athair agus a’d’ shagart, agus bheir mi dhuit deich seceil airgid sa’ bhliadhna (4), agus culaidh eudaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lebhitheach a stigh. 11 Agus bha’n Lebhitheach toilichte còmhnuidh ghabhail maille ris an duine, agus bha’n t-òganach dha mar aon d’a mhacaibh. 12 Agus choisrig Micah an Lebhitheach, agus bha’n t-òganach aige ’na shagart; agus bha e ann an tigh Mhicah. 13 Agus thubhairt Micah, A nis tha fios agam gu’n dean an Tighearna maith dhomh, a chionn gu bheil Lebhitheach agam ’na shagart. CAIB. XVIII. ANNS na laithibh sin cha robh righ air bith ann an Israel: agus anns na laithibh sin (1) Le naomhachadh naomhaich mi. Eabh. (2) tigh do Dhia. (3) lìon e làmh. Eabh. (4) an ceann laithean. Eabh. [TD 81] BREITHEAMHNA. CAIB. XVIII. dh’iarr treubh (1) nan Danach dhoibh féin oighreachd anns an gabhadh iad còmhnuidh; oir gu ruig an là sin cha do thuit an oighreachd uile orra am measg threubhan Israeil. 2 Agus chuir clann Dhain cùigear d’an teaghlach o’n crìochaibh, daoine treun o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus g’a rannsachadh a mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu tigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h-oidhche. 3 An uair a bha iad aig tigh Mhicah, dh’aithnich iad guth an òganaich, an Lebhithich, agus thionndaidh iad a stigh an sin, agus thubhairt iad ris, Cò thug an so thu? agus ciod a tha thu deanamh an so? agus ciod a th’agad an so? 4 Agus thubhairt esan riu, Mar so agus mar so rinn Micah rium, agus thuarasdalaich e mi, agus tha mi aige a’m’ shagart. 5 Agus thubhairt iad ris, Iarr comhairle, guidheamaid ort, air Dia, chum as gu’m bi fios againn an soirbhich leinn ’n ar slighe air am bheil sinn ag imeachd. 6 Agus thubhairt an sagart riu, Imichibh an sìth: an làthair an Tighearna tha bhur slighe, air am bheil sibh ag imeachd. 7 Agus dh’imich an cùigear fhear, agus thàinig iad gu Lais, agus chunnaic iad an sluagh a bha ann, a’ gabhail còmhnuidh gun umhaill, a réir gnàth nan Sidonach, samhach agus neo-umhailleach (2); agus cha robh uachdaran air bith anns an tìr, a chuireadh gu nàire iad ann an ni air bith: agus bha iad fada o na Sidonaich, agus cha robh gnothuch aca re duine air bith. 8 Agus thàinig iad a dh’ionnsuidh am bràithrean gu Sorah agus Estaol: agus thubhairt am bràithre riu, Ciod a tha sibh ag ràdh? 9 Agus thubhairt iad, Eiribh agus rachamaid suas ’nan aghaidh; oir chunnaic sinne an tìr, agus feuch, tha i ro-mhaith: agus am bheil sibhse ’nar tàmh (3)? na bithibh leasg gu imeachd agus gu dol a steach a shealbhachadh na tìre. 10 ’Nuair a thig sibh, théid sibh a steach a dh’ionnsuidh sluaigh neo-umhaillich, agus do thìr ro-fharsaing; oir thug Dia thairis d’ar làimh i; àit anns nach ’eil uireasbhuidh ni air bith a th’air an talamh. 11 Agus chaidh as sin do theaghlach nan Danach, a Sorah agus a Estaol, sè ceud fear, crioslaichte le innealaibh cogaidh. 12 Agus chaidh iad suas, agus champaich iad ann an Ciriat-iearim, ann an Iudah: uime sin thugadh Mahaneh-dan mar ainm air an àite sin gu ruig an la’n diugh: feuch, tha e air cùlaobh Chiriat-iearim. 13 Agus chaidh iad seachad o sin gu sliabh Ephraim, agus thàinig iad gu tigh Mhicah. 14 An sin fhreagair an cùigear fhear a chaidh a ghabhail beachd air tìr Lais, agus thubhairt iad r’am bràithribh, Am bheil fhios agaibh gu bheil anns na tighibh sin ephod agus teraphim, agus dealbh snaidhte, a- (1) fine. (2) an sluagh a bha ann, baile a bha fantuinn neo-umhailleach a réir gnàth nan Sidonach, sàmhach agus neo-umhailleach. (3) ’nar tosd. Eabh. [TD 82] BREITHEAMHNA. CAIB. XVIII. gus dealbh leaghta? a nis ma ta smuainichibh ciod a ni sibh. 15 Agus thionndaidh iad gus a sin, agus thàinig iad gu tigh an òganaich, an Lebhithich, eadhon gu tigh Mhicah, agus chuir iad fàilte air. 16 Agus sheas an sè ceud fear crioslaichte le innealaibh cogaidh, a bha do chloinn Dhain, aig dol a steach a’ gheataidh. 17 Agus chaidh an cùigear fhear suas a chaidh ghabhail beachd air an tìr, agus thàinig iad a stigh an sin, agus ghabh iad an dealbh snaidhte, agus an ephod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghta: (agus sheas an sagart aig dol a stigh a’ gheataidh, agus an sè ceud fear a bha crioslaichte le innealaibh cogaidh.) 18 Agus an uair a chaidh iad sin a steach do thigh Mhicah, agus a ghabh iad an dealbh snaidhte, an ephod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghta, an sin thubhairt an sagart riu, Ciod a tha sibh a’ deanamh? 19 Agus thubhairt iadsan ris, Bi d’ thosd, cuir do làmh air do bheul, agus falbh maille ruinne, agus bi dhuinn a’t’ athair agus a’d’ shagart: am fearr dhuit a bhi d’ shagart do thigh aon duine, na thu bhi d’ shagart do thréibh agus do theaghlach ann an Israel? 20 Agus bha cridhe an t-sagairt subhach, agus ghabh e’n ephod, agus an-teraphim, agus an dealbh snaidhte, agus chaidh e ann am meadhon an t-sluaigh. 21 Agus thionndaidh iad agus dh’imich iad, agus chuir iad a’ chlann bheag, agus an spréidh, agus gach ni trom (1) rompa. 22 Agus an uair a bha iad astar fada o thigh Mhicah, chruinnich na fir a bh’anns na tighibh a bha làimh re tigh Mhicah iad féin an ceann a’ chéile, agus chaidh iad air tòir (2) chloinn Dhain. 23 Agus ghlaodh iad re cloinn Dhain; agus thionndaidh iadsan an aghaidh, agus thubhairt iad re Micah, Ciod a tha teachd riut, gu bheil thu teachd le leithid so do chuideachd (3)? 24 Agus thubhairt esan, Mo dhiathan a rinn mi thug sibh leibh, agus an sagart, agus dh’fhalbh sibh roimhibh: agus ciod a th’agamsa tuilleadh? agus ciod e so a tha sibh ag ràdh rium, Ciod a tha teachd riut? 25 Agus thubhairt clann Dhain ris, Na cluinnear do ghuth ’nar measg, air eagal gu’m buail daoine feargach ’nan spiorad ort, agus gu’n caill thu t’anam féin, agus anma do theaghlaich. 26 Agus dh’imich clann Dhain air an slighe: agus an uair a chunnaic Micah gu’n robh iad tuilleadh ’s làidir air a shon, thionndaidh e agus phill e d’a thigh. 27 Agus ghabh iad na nithe a rinn Micah, agus an sagart a bh’aige, agus thàinig iad gu Lais, a dh’ionnsuidh sluaigh a bha sàmhach agus neo-umhailleach: agus bhuail siad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus loisg iad am baile le teine. 28 Agus cha robh fear-saoraidh ann, a chionn gu’n robh e fada o Shidon, agus nach robh (1) luachmhor. (2) rug iad air. (3) gu bheil thu air do chruinneachadh. Eabh. [TD 83] BREITHEAMHNA. CAIB. XIX. gnothuch aca re duine sam bith; agus bha e anns a’ ghleann a tha làimh re Bet-rehob: agus thog iad baile, agus ghabh iad còmhnuidh ann; 29 Agus thug iad Dan mar ainm air a’ bhaile, a réir ainme Dhain an athar, a rugadh do Israel; gidheadh b’e Lais ainm a’ bhaile an toiseach. 30 Agus chuir clann Dhain suas dhoibh féin an dealbh snaidhte: agus bha Ionatan mac Iersoim, mhic Mhanaseh, e féin agus a mhic, ’nan sagartaibh do thréibh Dhain, gu ruig la braighdeanais na tìre. 31 Agus chuir iad suas dhoibh féin dealbh snaidhte Mhicah a rinn e, rè na h-ùine a bha tigh Dhé ann an Siloh. CAIB. XIX. AGUS anns na laithibh sin, an uair nach robh righ air bith ann an Israel, bha Lebhitheach àraidh air chuairt air taobh sléibh Ephraim, a ghabh d’a ionnsuidh coimh-leabach o Bhetlehem Iudah. 2 Agus rinn a choimh-leabach siùrtachd ’na aghaidh, agus dh’fhalbh i uaith gu tigh a h-athar gu Betlehem Iudah, agus bha i ’n sin ceithir mìosan iomlan. 3 Agus dh’éirich a fear, agus chaidh e ’na déigh, a chum gu’n labhradh e r’a cridhe, agus gu’n d’thugadh e air a h-ais i, agus ’òganach (1) maille ris, agus dà asal: agus thug i steach e do thigh a h-athar, agus an uair a chunnaic athair na h-ighinn (2) e, chaidh e le gairdeachas (3) ’na choinneamh. 4 Agus ghléidh athair-céile, athair na h-ighinn e, agus dh’fhan e maille ris tri laithean: agus dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhan iad rè na h-oidhche an sin. 5 Agus air a’ cheathramh là, ’nuair a dh’éirich iad gu moch anns a’ mhaduinn, dh’éirich esan suas gu imeachd: agus thubhairt athair na h-ighinn r’a chliamhuin, Neartaich do chridhe le greim arain, agus ’na dhéigh sin imichidh sibh. 6 Agus shuidh iad sìos le chéile, agus dh’ith iad cuideachd, agus dh’òl iad: oir thubhairt athair na h-ighinn ris an duine, Bi toilichte, guidheam ort, agus fan rè na h-oidhche, agus bitheadh do chridhe subhach. 7 Agus an uair a dh’éirich an duine suas gu imeachd, rinn athair-céile dian earail air: uime sin dh’fhan e ’n sin an oidhche sin a rìs. 8 Agus dh’éirich e gu moch anns a’ mhaduinn air a’ chùigeadh là gu imeachd: agus thubhairt athair na h-ighinn, Neartaich do chridhe, guidheam ort. Agus dh’fhan iad gu déigh mheadhon-là (4), agus dh’ith iad le chéile. 9 Agus an uair a dh’éirich an duine suas gu imeachd, e féin agus a choimh-leabach, agus ’òganach, thubhairt athair-céile, athair na h-ighinn ris, Feuch, a nis tha’n là a’ tarruing gu feasgar, fanaibh, guidheam ort, rè na h-oidhche: feuch, tha’n là a’ dlùthachadh r’a chrìch, fan an so rè na h-oidhche, agus bitheadh do chridhe subhach, (1) a òganach. (2) h-inghin, cailin. (3) rinn e gairdeachas. Eabh. (4) gus an do thionndaidh an là. Eabh. [TD 84] BREITHEAMHNA. CAIB. XIX. agus am màireach éiridh sibh gu moch a chum bhur turuis (1), agus théid thu dhachaidh. 10 Ach cha b’àill leis an duine fantuinn an oidhche sin, ach dh’éirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis, (is e sin Ierusalem) agus bha maille ris dà asal diallaidibh; bha mar an ceudna a choimh-leabach maille ris. 11 Agus an uair a bha iad làimh re Iebus, chaitheadh an là gu mòr, agus thubhairt an t-òganach r’a mhaighstir, Thig, guidheam ort, agus tionndaidhmid a stigh do bhaile so nan Iebusach, agus fanamaid rè na h-oidhche ann. 12 Agus thubhairt a mhaighstir ris, Cha tionndaidh sinn a stigh an so gu baile coigrich, nach ’eil do chloinn Israeil, ach gabhaidh sinn thairis gu Gibeah. 13 Agus thubhairt e r’a òganach, Thig agus tairngeamaid am fagus do aon do na h-àitibh sin gu fantuinn rè na h-oidhche, ann an Gibeah, no ann an Ramah. 14 Agus ghabh iad thairis agus dh’imich iad; agus chaidh a’ ghrian sìos orra làimh re Gibeah, a bhuineas do Bheniamin. 15 Agus thionndaidh iad a leth-taobh an sin, gu dol a stigh a dh’fhantuinn rè na h-oidhche ann an Gibeah: agus an uair a chaidh e stigh, shuidh e sìos ann an sràid a’ bhaile; oir cha robh duine sam bith a ghabh iad d’a thigh gu fantuinn rè na h-oidhche. 16 Agus feuch, thàinig seann duine o obair a mach as an fhearann mu fheasgar, a bha mar an ceudna o shliabh Ephraim, agus bha e air chuairt ann an Gibeah, ach bu Bheniaminich daoine an àite. 17 Agus an uair a thog e suas a shùilean, chunnaic e duine a bha air thurus ann an sràid a’ bhaile: agus thubhairt an seann duine, C’àit a tha thu dol? agus cia as a tha thu air teachd? 18 Agus thubhairt e ris, Tha sinn a’ gabhail thairis o Bhetlehem Iudah dh’ionnsuidh taoibh sléibh Ephraim, as am bheil mise: agus chaidh mi do Bhetlehem Iudah, ach tha mi nis a’ dol gu tigh an Tighearna, agus cha ’n’eil duine air bith ann a ghabhas mi d’a thigh. 19 Gidheadh tha’n dà chuid fodar agus innlinn ann air son ar n-asal, agus tha mar an ceudna aran agus fion ann air mo shon-sa, agus air son do bhanoglaich, agus air son an òganaich a tha maille re d’ sheirbhisich: cha ’n’eil easbhuidh (2) ni air bith oirn. 20 Agus thubhairt an seann duine, Sìth gu robh maille riut: gidheadh, biodh t’easbhuidh gu léir ormsa, a mhàin na fan anns an t-sràid rè na h-oidhche. 21 Agus thug e steach e d’a thigh, agus thug e innlinn do na h-asalaibh: agus nigh iad an cosan, agus dh’ith agus dh’òl iad. 22 Ach an uair a bha iad a’ deanamh an cridhe subhach, feuch, chuairtich daoine a’ bhaile, daoine bu mhic do Bhelial, an tigh mu’n cuairt, agus bhuail iad aig an dorus, agus labhair iad (1) slighe. (2) uireasbhuidh, dìth. [TD 85] BREITHEAMHNA. CAIB. XX. re maighstir an tighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a mach an duine a thàinig a dh’ionnsuidh do thighe, a chum as gu’n aithnich sinn e. 23 Agus chaidh an duine, maighstir an tighe, mach d’an ionnsuidh, agus thubhairt e riu, Na deanaibh, mo bhràithre, na deanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an déigh do’n duine so teachd a dh’ionnsuidh mo thighe-sa, na deanaibh an ni gràineil (1) so. 24 Feuch, mo nighean, maighdean, agus a choimh-leabach, iadsan bheir mi mach a nis, agus ìslichibhse iad, agus deanaibh riu an ni sin a ta maith ’nar sùilibh: ach air an duine so na deanaibh ni cho ghràineil. 25 Ach cha’n éisdeadh na daoine ris: agus rug an duine air a choimh-leabach, agus thug e mach i d’an ionnsuidh; agus dh’aithnich iad i, agus mhi-ghnàthaich iad i rè na h-oidhche gu maduinn: agus aig briseadh na fàire leig iad air falbh i. 26 Agus thàinig a’ bhean ann an scarthanaich (2) an là, agus thuit i sìos aig dorus tighe an duine, far an robh a tighearna, gus an robh solus ann. 27 Agus dh’éirich a tighearna anns a’ mhaduinn, agus dh’fhosgail e dorus an tighe, agus chaidh e mach gu imeachd air a shlighe: agus feuch, bha a’ bhean a’ choimh-leabach air tuiteam sìos aig dorus an tighe, agus a làmhan air an stairsnich. 28 Agus thubhairt e rithe, Eirich, agus imicheamaid; ach cha d’thug i freagradh air bith. Agus ghabh e i air asail, agus dh’éirich an duine suas, agus chaidh e d’a àite féin. 29 Agus an uair a thàinig e d’a thigh, ghabh e sgian, agus rug e air choimh-leabach, agus roinn e i maille r’a cnaimhibh ’na dà mhìr dheug, agus chuir e i gu uile chrìochaibh Israeil. 30 Agus thubhairt gach neach a chunnaic e, Cha d’rinneadh agus cha’n fhacas ni air bith cosmhuil re so, o’n là anns an d’thàinig clann Israeil a nìos a tìr na h-Eiphit gus an la’n diugh: beachdaichibh (3) air, gabhaibh comhairle, agus labhraibh. CAIB. XX. AN SIN chaidh clann Israeil uile mach, agus chruinnicheadh an coi’-thional re chéile, mar aon duine, o Dhan gu Beer-seba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsuidh an Tighearna gu Mispeh. 2 Agus nochd prìomh-dhaoine (4) an t-sluaigh uile, eadhon threubhan Israeil uile, iad féin ann an coi’-thional sluaigh Dhé, ceithir cheud mìle coisiche a tharruing claidheamh. 3 (A nis chuala clann Bheniamin gu’n deachaidh clann Israeil suas gu Mispeh.) Agus thubhairt clann Israeil, Innsibh cionnus a bha’n t-olc so. 4 Agus fhreagair an Lebhitheach, fear na mnà a mharbhadh, agus thubhairt e, Gu Gibeah a bhuineas do Bheniamin thàinig mise agus mu choimh-leabach gu fantuinn ann rè na h-oidhche, (1) aingidh, amaideach. (2) camhanaich; dawn. Sasg. (3) cuiribh bhur cridhe air. (4) maithean, uaislean. [TD 86] BREITHEAMHNA. CAIB. XX. 5 Agus dh’éirich fir Ghibeah a’m’ aghaidh, agus chuairtich iad an tigh m’an cuairt orm anns an oidhche: mi féin b’àill leo a mharbhadh, agus air mo choimh-leabach rinn iad éigin, agus tha i marbh. 6 Agus rug mi air mo choimh-leabach, agus ghearr mi i ’na mìribh, agus chuir mi i air feadh uile fhearainn oighreachd Israeil: oir rinn iad cionta agus gràineileachd ann an Israel. 7 Feuch, is clann Israeil sibh uile: thugaibh seachad an so bhur focal agus bhur comhairle. 8 Agus dh’éirich an sluagh uile mar aon duine, ag ràdh, Cha d’théid neach air bith dhinn d’a bhùth, agus cha tionndaidh neach air bith dhinn a steach d’a thigh; 9 Ach a nis so an ni a ni sinn re Gibeah: théid sinn suas le crannchur ’na aghaidh. 10 Agus gabhaidh sinn deich fir as a’ cheud air feadh uile threubhan Israeil, agus ceud as a’ mhìle, agus mìle as na deich mìle, a thoirt lòin a dh’ionnsuidh an t-sluaigh; a chum as gu’n dean iad, an uair a thig iad gu Gibeah Bheniamin, a réir na gràineileachd uile a rinn iad ann an Israel. 11 Mar sin chruinnicheadh fir Israeil uile an aghaidh a’ bhaile, ceangailte re chéile mar aon duine. 12 Agus chuir treubhan Israeil daoine air feadh uile thréibh Bheniamin, ag ràdh, Ciod é an t-olc so a rinneadh ’nar measg? 13 A nis ma ta thugaibh thairis dhuinn na daoine, clann Bhelial, a tha ann an Gibeah, a chum as gu’n cuir sinn gu bàs iad, agus gu’n cuir sinn air falbh olc o Israel. Ach cha ’n éisdeadh clann Bheniamin re guth am bràithre cloinn Israeil. 14 Ach chruinnich clann Bheniamin iad féin an ceann a chéile as na bailtibh gu Gibeah, chum dol a mach gu cath an aghaidh chloinn Israeil. 15 Agus dh’àirmheadh clann Bheniamin anns an àm (1) sin as na bailtibh, sè mìle fichead fear a tharruing claidheamh, a bhàrr air luchd-àiteachaidh Ghibeah. 16 Dh’àirmheadh seachd ceud fear taghta am measg an t-sluaigh so uile, seachd ceud fear taghta cli-làmhach (2): thilgeadh gach aon diubh so clach a crann-tàbhuill air leud ròineige, agus cha mhearachdaicheadh e. 17 Agus dh’àirmheadh clann Israeil air leth o Bheniamin, ceithir cheud mìle fear a tharruing claidheamh; b’fhir chogaidh iad so uile. 18 Agus dh’éirich clann Israeil, agus chaidh iad suas gu tigh Dhé (3), agus dh’fhiosraich iad do (4) Dhia, agus thubhairt iad, Cò dhinn a théid suas air tùs gu cath an aghaidh chloinn Bheniamin? agus thubhairt an Tighearna, Théid Iudah suas air tùs. 19 Agus dh’éirich clann Israeil anns a’ mhaduinn, agus champaich iad an aghaidh Ghibeah. 20 Agus chaidh fir Israeil a mach gu cath an aghaidh Bheniamin, agus chuir fir Israeil iad féin ann an ordugh catha ’nan aghaidh aig Gibeah. 21 Agus thàinig clann Bhen- (1) là Eabh. (2) cearr-làmhach. (3) Bet-el. Eabh. (4) dh’iarr iad comhairle air. [TD 87] BREITHEAMHNA. CAIB. XX. iamin a mach a Gibeah, agus sgrios iad sìos gu làr do chloinn Israeil air an là sin, dà mhìle thar fhichead fear. 22 Agus ghabh an sluagh, fir Israeil, misneach dhoibh féin, agus chuir iad a rìs an cath ann an ordugh far an do chuir siad iad féin an ordugh air a’ cheud là. 23 (Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianuis an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad do’n Tighearn, ag ràdh, An d’théid mi suas a rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniamin mo bhràthar? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas ’na aghaidh.) 24 Agus thàinig clann Israeil am fagus an aghaidh chloinn Bheniamin an dara là. 25 Agus chaidh Beniamin a mach ’nan aghaidh a Gibeah an dara là, agus sgrios iad do chloinn Israeil a rìs ochd mìle deug fear sìos gu làr: tharruing iad so uile claidheamh. 26 Agus chaidh clann Israeil uile agus an sluagh uile suas, agus thàinig iad gu tigh Dhé, agus ghuil iad, agus shuidh iad an sin am fianuis an Tighearna, agus throisg iad air an là sin gu feasgar, agus dh’ìobair iad ìobairte-loisgte agus ìobairte-sìth am fianuis an Tighearna. 27 Agus dh’fhiosraich clann Israeil do’n Tighearna, (oir bha àirc coi’-cheangail Dé an sin anns na laithibh sin: 28 Agus sheas Phinehas, mac Eleasair, mhic Aaroin, ’na làthair anns na laithibh sin) ag ràdh, An d’théid mi fathast a rìs a mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniamin mo bhràthar, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas: oir am màireach bheir mise thairis iad do d’ làimh. 29 Agus chuir Israel luchd feall-fholach mu’n cuairt air Gibeah. 30 Agus chaidh clann Israeil suas an aghaidh chloinn Bheniamin air an treas là, agus chuir siad iad féin ann an ordugh catha an aghaidh Ghibeah, mar air uairibh eile. 31 Agus chaidh clann Bheniamin a mach an aghaidh an t-sluaigh, agus thairngeadh air falbh iad o’n bhaile, agus thòisich iad air cuid do’n t-sluagh a bhualadh agus a mharbhadh, mar air uairibh eile, anns na rathaidibh mòra, d’am bheil aon a’ dol suas gu tigh Dhé, agus aon gu Gibeah anns an fhearann, mu thimchioll deich fir fhichead do Israel. 32 Agus thubhairt clann Bheniamin, Tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar air tùs. Ach thubhairt clann Israeil, Teicheamaid, agus tairngeamaid iad o’n bhaile gu ruig na rathaidibh mòra. 33 Agus dh’éirich clann Israeil uile suas as an àite, agus chuir siad iad féin ann an ordugh catha ann am Baal-tamar: agus thàinig an luchd feall-fholach do Israel a mach as an àitibh, eadhon o uchdaich (2) Ghibeah. 34 Agus thàinig an aghaidh Ghibeah deich mìle fear taghta mach a h-Israel uile, agus bha’n cath cruaidh: ach cha robh (1) tabhartasa-sìth. (2) a lòintibh; maaleh no maareh. Eabh. [TD 88] BREITHEAMHNA. CAIB. XX. fhios aca gu’n robh olc am fagus doibh. 35 Agus bhuail an Tighearna Beniamin am fianuis Israeil: agus sgrios clann Israeil do Bheniamin air an là sin, cùig mìle fichead agus ceud fear: tharruing iad so uile claidheamh. 36 Agus chunnaic clann Bheniamin gu’n do bhuaileadh iad: oir thug fir Israeil àite do na Beniaminich, a chionn gu’n d’earb iad ris an luchd feall-fholach a shuidhich iad làimh re Gibeah. 37 Agus rinn an luchd feall-fholach cabhag, agus ruith iad a stigh air Gibeah, agus tharruing an luchd feall-fholach air an aghaidh, agus bhuail iad am baile uile le faobhar a’ chlaidheimh. 38 A nis bha comhartha (1) suidhichte eadar fir Israeil agus an luchd feall-fholach, gu’n d’thugadh iad air lasair mhòir le deataich éirigh suas as a’ bhaile. 39 Agus an uair a chaidh fir Israeil air an ais anns a’ chath, thòisich Beniamin air fir Israeil a bhualadh, agus mharbh iad diubh mu thimchioll deich thar fhichead fear: oir thubhairt iad, Gu cinnteach tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar anns a’ cheud chath. 40 Agus an uair a thòisich an lasair air éirigh suas as a’ bhaile, maille re meall (2) deataich, dh’amhairc na Beniaminich air an cùlaobh, agus feuch, dh’éirich deatach a’ bhaile suas gu nèamh. 41 Agus an uair a phill fir Israeil a rìs, bha uamhas air fir Bheniamin; oir chunnaic iad gu’n robh olc air teachd orra. 42 Uime sin thionndaidh iad an aghaidh am fianuis chloinn Israeil re slighe an fhàsaich; ach rug an cath orra: agus iadsan a thàinig a mach as na bailtibh sgrios iad ’nam meadhon. 43 Chuairtich iad na Beniaminich air gach taobh, ruaig siad iad, shaltair iad orra gun sbairn thall fa chomhair Ghibeah, leth re éirigh na gréine. 44 Agus thuit do Bheniamin ochd mìle deug fear; iad uile ’nan daoinibh treuna. 45 Agus phill iad agus theich iad a dh’ionnsuidh an fhàsaich gu carraig Rimoin: agus dhìoghluim iad diubh air na rathaidibh mòra cùig mìle fear; agus lean iad gu cruaidh iad gu ruig Gidom, agus mharbh iad dhiubh dà mhìle fear. 46 Agus b’iadsan uile a thuit do Bheniamin air an là sin, cùig mìle fichead fear a tharruing claidheamh; iad uile ’nan daoinibh treuna. 47 Ach phill sè ceud fear, agus theich iad do’n fhàsach gu carraig Rimoin, agus dh’fhan iad ann an carraig Rimoin ceithir mìosan. 48 Agus phill clann Israeil air an ais air cloinn Bheniamin, agus bhuail siad iad le faobhar a’ chlaidheimh, araon daoine gach baile, agus an spréidh, agus gach ni air bith a fhuaradh ann: mar an ceudna chuir iad re theine na bailtean uile d’an d’thàinig iad. (1) àm. (2) pillar. Sasg. [TD 89] BREITHEAMHNA. CAIB. XXI. CAIB. XXI. A NIS mhionnaich fir Israeil ann am Mispeh, ag ràdh, Cha d’thoir fear air bith againn a nighean do Bheniamin ’na mnaoi. 2 Agus thàinig an sluagh gu tigh Dhé, agus dh’fhan iad an sin gu feasgar am fianuis Dhé, agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad gu goirt: 3 Agus thubhairt iad, C’ar son, O Thighearna Dhé Israeil, a thàinig an ni so gu crìch ann an Israel, gu’m biodh an diugh aon treubh a dh’easbhuidh air Israel? 4 Agus air an la màireach dh’éirich an sluagh gu moch, agus thog iad an sin altair, agus dh’ìobair iad ìobairte-loisgte agus ìobairte-sìth. 5 Agus thubhairt clann Israeil, Cò am measg uile threubhan Israeil, nach d’thàinig a nìos maille ris a’ choi’-thional a dh’ionnsuidh an Tighearna? oir rinn iad mionnan mòra mu thimchioll-san nach d’thigeadh a nìos a dh’ionnsuidh an Tighearna gu Mispeh, ag ràdh, Cuirear gu cinnteach gu bàs e. 6 Agus ghabh clann Israeil aithreachas a thaobh Bheniamin am bràthar, agus thubhairt iad, Ghearradh air falbh an diugh aon treubh o Israel. 7 Cionnus a ni sinn air son bhan dhoibhsan a mhair, agus gu’n do mhionnaich sinn air an Tighearna, nach d’thoir sinn dhoibh d’ar nigheanaibh mar mhnaibh? 8 Agus thubhairt iad, Cia an aon do threubhaibh Israeil, nach d’thàinig a nìos a dh’ionnsuidh an Tighearna gu Mispeh? agus feuch, cha d’thàinig duine do’n champ o Iabes-gilead a dh’ionnsuidh a’ choi’-thionail. 9 Oir dh’àirmheadh an sluagh, agus feuch, cha robh neach air bith an sin do luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead. 10 Agus chuir an coi’-thional an sin dà mhìle dheug fear dhiubhsan bu tréine, agus dh’àithn iad dhoibh, ag ràdh, Falbhaibh agus buailibh luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead le faobhar a’ chlaidheimh, maille ris na mnaibh agus ris a’ chloinn. 11 Agus so an ni a ni sibh, Sgriosaidh sibh gu tur gach firionnach, agus gach bean a luidh le firionnach. 12 Agus fhuair iad am measg luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead ceithir cheud maighdean òg aig nach robh aithne air fear le luidhe le firionnach sam bith: agus thug iad do’n champ iad gu Siloh, a tha ann an tìr Chanaain. 13 Agus chuir an coi’-thional uile daoine uatha, agus labhair iad re cloinn Bheniamin a bha ann an carraig Rimoin, agus ghairm iad orra ann an sìth. 14 Agus thàinig Beniamin a rìs anns an àm sin; agus thug iad dhoibh mnài a ghléidh iad beo do mhnaibh Iabeis-ghilead: gidheadh cha d’fhuair iad na bu leòr mar sin. 15 Agus ghabh an sluagh aithreachas a thaobh Bheniamin, a chionn gu’n d’rinn an Tighearna briseadh ann an treubhaibh Israeil. 16 Agus thubhairt seanairean a’ choi’-thionail, Cionnus a ni sinn air son bhan dhoibhsan a [TD 90] BREITHEAMHNA. CAIB. XXI. mhair, oir sgriosadh na mnài mach a Beniamin? 17 Agus thubhairt iad, Tha oighreachd ann air an son-san a chaidh as do Bheniamin: agus cha sgriosar treubh a h-Israel. 18 Gidheadh, cha’n fheud sinn mnài a thoirt doibh d’ar nigheanaibh féin; oir mhionnaich clann Israeil, ag ràdh, Mallaichte gu robh esan a bheir bean do Bheniamin. 19 An sin thubhairt iad, Feuch, tha féill (1) an Tighearn ann an Siloh gach bliadhna, anns an àit a tha air an taobh mu thuath do Bhetel, air an taobh an ear do’n rathad mhòr a tha dol suas o Bhetel gu Sechem, agus air an taobh mu dheas do Lebonah. 20 Uime sin dh’àithn iad do chloinn Bheniamin, ag ràdh, Falbhaibh, agus deanaibh feall-fholach anns na fion-liosaibh; 21 Agus seallaibh, agus feuch, ma thig nigheana Shiloh a mach a dhannsadh ann an dannsaibh, an sin thigibh-sa mach as na fion-liosaibh, agus glacaibh gach fear dhibh a bhean do nigheanaibh Shiloh, agus rachaibh gu tìr Bheniamin. 22 Agus tarlaidh, ’nuair a thig an aithriche no am bràithre d’ar n-ionnsuidh-ne a dheanamh gearain, gu’n abair sinne riu, Bithibh bàigheil riu air ar soin-ne, a chionn nach do ghléidh (2) sinn do gach fear a bhean anns a’ chogadh; oir cha d’thug sibhse dhoibh anns an àm so, air chor as gu’m biodh sibh ciontach. 23 Agus rinn clann Bheniamin mar sin, agus ghabh iad mnài dhoibh féin a réir an àireimh, dhiubhsan a bha dannsadh, a ghlac iad, agus chaidh iad agus phill iad a dh’ionnsuidh an oighreachd, agus thog iad suas na bailte, agus ghabh iad còmhnuidh annta. 24 Agus dh’imich clann Israeil as sin san àm sin, gach duine a dh’ionnsuidh a thréibh, agus a dh’ionnsuidh a theaghlaich, agus chaidh iad a mach as sin gach duine a dh’ionnsuidh oighreachd féin. 25 Anns na laithibh sin cha robh righ air bith ann an Israel: rinn gach duine an ni sin a bha ceart ’na shùilibh féin. (1) féisd. (2) ghabh. Eabh. [TD 91] RUT. CAIB. I. A NIS re linn nam breitheamhna (1), bha gorta san tìr: agus chaidh duine àraidh do Bhetlehem Iudah gu bhi air chuairt ann am fearann Mhoaib, e féin agus a bhean, agus a dhithis mhac. 2 Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naomi, agus ainm a dhithis mhac Mahlon agus Chilion, Ephrataich do Bhetlehem Iudah: agus thàinig iad gu fearann Mhoaib, agus dh’fhan (2) iad an sin. 3 Agus fhuair Elimelech fear Naomi bàs, agus dh’fhàgadh ise, agus a dithis mhac. 4 Agus ghabh iad dhoibh féin mnài do na Ban-mhoabaich: b’e ainm aoin diubh Orpah, agus ainm na mnà eile Rut: agus ghabh iad còmhnuidh an sin mu thimchioll deich bliadhna. 5 Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilion le chéile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir. 6 Agus dh’éirich i suas maille r’a ban-chliamhuinibh (3), a chum gu’m pilleadh i o fhearann Mhoaib: oir chual’ i ann am fearann Mhoaib, gu’n d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt doibh. 7 Uime sin chaidh i mach as an àite san robh i, agus a dà bhan-chliamhuin maille rithe; agus dh’imich iad air an t-slighe gu dol air an ais do thìr Iudah. 8 Agus thubhairt Naomi r’a dà bhan-chliamhuin, Falbhaibh, pilleadh gach aon agaibh do thigh a màthar: gu’m buineadh an Tighearna gu caoimhneil ribh, mar a bhuin sibhse riutha-san nach maireann (4), agus riumsa. 9 Gu’n d’thugadh an Tighearna dhuibh gu’m faigh sibh fois, gach aon dhibh ann an tigh a fir. An sin phòg i iad: agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad. 10 Agus thubhairt iad rithe, Gu cinnteach maille riutsa pillidh sinne dh’ionnsuidh do shluaigh. 11 Agus thubhairt Naomi, Pillibh, mo nigheana; c’ar son a théid sibh maille riumsa? am bheil fathast mic agamsa a’m’ innibh (5), gu bhi agaibh ’nam fir? 12 Pillibh, mo nigheana, imichibh, oir tha mise tuille’s sean (1) anns na laithibh anns an d’thug na breitheamhna breth. Eabh. (2) bha. Eabh. (3) mnài a dà mhac. (4) ris na mairbh. Eabh. (5) a’m’ bhroinn. [TD 92] RUT. CAIB. II. gu fear a bhi agam: nan abrainn, Tha dòchas agam, nam biodh fear agam eadhon an nochd, agus mar an ceudna gu’m beirinn mic, 13 Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? am fanadh sibh air an son gun fhir a bhi agaibh? na deanaibh sin, mo nigheana; oir tha mi ro-dhoilich air bhur sonsa, gu’n deachaidh làmh an Tighearn a mach a’m’ aghaidh-sa. 14 Agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad a rìs: agus phòg Orpah a màthair-chéile, ach dhlùth-lean Rut rithe. 15 Agus thubhairt i, Feuch, tha do phiuthar-chéile air pilltinn a dh’ionnsuidh a sluaigh, agus a dh’ionnsuidh a diathan (1); pill thusa ’n déigh do pheathar-chéile. 16 Agus thubhairt Rut, Na h-iarr orm t’fhàgail, no pilltinn a bhi ’gad leantuinn: oir ge b’e taobh a théid thusa, théid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh-sa mo shluagh-sa, agus do Dhia-sa mo Dhia-sa. 17 Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gu’n deanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuille mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa. 18 ’Nuair a chunnaic i gu’n robh i suidhichte (2) air dol maille rithe, an sin sguir i do labhairt rithe. 19 Agus dh’imich iad le chéile gus an d’thàinig iad gu Betlehem. Agus an uair a bha iad air teachd gu Betlehem, ghluaiseadh am baile uile m’an timchioll, agus thubhairt iad, An i so Naomi? 20 Agus thubhairt ise riu, Na h-abraibh Naomi rium: abraibh Mara rium; oir bhuin an t-Uile-chumhachdach gu ro-gheur rium. 21 Chaidh mi mach làn, agus thug an Tighearn air m’ais mi folamh. C’arson ma ta their sibh Naomi rium, agus gu’n d’thug an Tighearna fianuis a’m’ aghaidh, agus gu’n do chuir an t-Uile-chumhachdach fa àmhghar mi? 22 Mar sin phill Naomi, agus Rut a’ Bhan-mhoabach, bean a mic, maille rithe, a phill a fearann Mhoaib: agus thàinig iad gu Betlehem ann an toiseach na buain eorna (3). CAIB. II. AGUS bha aig Naomi caraid a thaobh a fir, duine cumhachdach aig an robh mòr bheartas, do theaghlach Elimeleich, agus b’e ainm Boas. 2 Agus thubhairt Rut a’ Bhan-mhoabach re Naomi, Leig dhomh a nis dol do’n achadh, agus dia-san arbhair a dhìoghlum (4) an déigh an ti sin, aig am faigh mi deagh-ghean (5) ’na shùilibh. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean. 3 Agus dh’fhalbh i, agus thàinig i, agus dhìoghluim i san achadh an déigh nam buanaichean, agus thachair dhi dol air earrann do’n achadh bu le Boas, a bha do theaghlach Elimeleich. 4 Agus feuch, thàinig Boas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichibh, Gu robh an (1) dée. (2) leagta. (3) fogharaidh an eorna. (4) a thional. (5) caoimhneas. [TD 93] RUT. CAIB. II. Tighearna maille ribh: agus thubhairt iadsan ris, Gu’m beannaicheadh an Tighearn thusa. 5 An sin thubhairt Boas r’a òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, Co leis an òg-bhean (1) so? 6 Agus fhreagair an t-òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i so an òg-bhean Mhoabach, a thàinig air a h-ais maille re Naomi a fearann Mhoaib: 7 Agus thubhairt ise, Guidheam ort, leig dhomh dìoghlum, agus tional am measg nan sguab an déigh nam buanaichean: agus thàinig i, agus dh’fhuirich i eadhon o’n mhaduinn gus a nis, gu’n d’fhan i tamull beag a stigh. 8 An sin thubhairt Boas re Rut, Nach cluinn thu, mo nighean? Na gabh a dhìoghlum ann an achadh eile, agus na falbh as so, ach fan an so làimh re m’ ghruagaichibh-sa. 9 Bitheadh do shùilean air an achadh a bhuaineas iad, agus falbh thusa ’nan déigh. Nach d’àithn mise do na h-òganaich gun bheantuinn riut? agus an uair a bhios ìotadh (2) ort, falbh a dh’ionnsuidh nan soithichean, agus òl do’n uisge a tharruing na h-òganaich. 10 An sin thuit i air a h-aghaidh, agus chrom si i féin gu làr, agus thubhairt i ris, C’arson a fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, gu’n cuireadh tu eòlas orm, agus mi a’m’ choigreach. 11 Agus fhreagair Boas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h-iomlan dhomhsa gach ni a rinn thu do d’ mhàthair-chéile an déigh bàis t’fhir, agus mar a dh’fhàg thu t’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an d’rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsuidh sluaigh nach b’aithne dhuit roimhe so. 12 Gu’n dìoladh an Tighearna do shaothair, agus gu robh do dhuais iomlan o’n Tighearna Dia Israeil, fuidh a sgiathaibh an d’thàinig thu a chur do dhòchais (3). 13 Agus thubhairt ise, Faigheam deagh-ghean a’d’ shùilibh, mo Thighearna, do bhrìgh gu’n d’thug thu sòlas dhomh, agus gu’n do labhair thu gu caoimhneil re d’ bhanoglaich (4), ge nach ’eil mi cosmhuil re h-aon do d’ ghruagaichibh-sa. 14 Agus thubhairt Boas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an so, agus ith do’n aran, agus tum do ghreim anns an fhìon-gheur. Agus shuidh i re taobh nam buanaichean: agus shìn e dh’i siol cruaidhichte, agus dh’ith i, agus shàsuicheadh i, agus dh’fhàg i fuigheall. 15 Agus an uair a dh’éirich i suas gu dìoghlum, dh’àithn Boas d’a òganachaibh, ag ràdh, Eadhon am measg nan sguab dìoghluimeadh i, agus na cuiribh nàire oirre (5). 16 Agus cuideachd leigibh d’ar deoin le cuid do na dlaghaibh (6) tuiteam air a son, agus fàgaibh iad a chum gu’n dìoghluim i iad, agus na d’thugaibh achmhasan dhi. 17 Mar sin dhìoghluim i san achadh gu feasgar, agus bhuail i as na dhìoghluim i; agus bha ann mu thimchioll ephah eorna. 18 Agus thog i suas e, agus (1) cailin. (2) tart, pathadh. (3) t-earbsaidh. (4) gu’n do labhair thu re cridhe do bhanoglaich. Eabh. (5) na maslaichibh i. (6) glacaidibh. [TD 94] RUT. CAIB. III. chaidh i do’n bhaile, agus chunnaic a màthair-chéile na dhìoghluim i: agus chuir i a làthair, agus thug i dhi na dh’fhàg i, an déigh dhi bhi sàsuichte. 19 Agus thubhairt a màthair-chéile rithe, C’àit an do dhìoghluim thu’n diugh? agus c’àit an do shaothraich thu? beannuichte gu robh an ti a chuir eòlas ort. Agus dh’innis i d’a màthair-chéile cia aig a shaothraich i, agus thubhairt i, Is e ainm an duine aig an do shaothraich mi ’n diugh, Boas. 20 Agus thubhairt Naomi r’a ban-chliamhuin, Beannuichte gu robh esan o’n Tighearna, nach do leig dheth a chaoimhneas do na beothaibh, agus do na marbhaibh. Agus thubhairt Naomi rithe, Tha ’n duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e d’ar dilsibh a’s faigse (1). 21 Agus thubhairt Rut a’ Bhan-mhoabach, Mar an ceudna thubhairt e riumsa, Làimh re m’òganaich-sa fanaidh tu, gus an crìochnaich iad m’fhoghara uile. 22 Agus thubhairt Naomi re Rut a ban-chliamhuin, Is fearr dhuit, mo nighean, dol a mach maille r’a ghruagaichibh, a chum as nach coinnich iad thu ann an achadh sam bith eile. 23 Dh’fhan i uime sin làimh re gruagaichibh Bhoais a dhìoghlum, gus an do chrìochnuicheadh foghara (2) an eorna, agus foghara a’ chruithneachd: agus ghabh i còmhnuidh maille r’a màthair-chéile. CAIB. III. AN SIN thubhairt Naomi a màthair-chéile rithe, Mo nighean, nach iarr mise suaimhneas dhuitse, chum gu’n éirich gu maith dhuit? 2 Agus a nis nach ’eil Boas d’ar dilsibh, maille r’a ghruagaichibh an robh thu? Feuch, bithidh e a’ fasgnadh eorna an nochd air an urlar-bhualaidh. 3 Uime sin nigh thu féin, agus ung thu féin, agus cuir do thrusgan ort, agus gabh sìos do’n urlar-bhualaidh: ach na dean thu féin aithnichte (3) do’n duine, gus an sguir e dh’itheadh agus a dh’òl. 4 Agus an uair a luidheas e sìos, bheir thu fa’near an t-àit anns an luidh e, agus théid thu agus rùisgidh tu a chosan, agus luidhidh tu sìos; agus innsidh e dhuit ciod a ni thu. 5 Agus thubhairt i rithe, Gach ni a tha thu ag ràdh rium, ni mise. 6 Agus chaidh i sìos do’n urlar-bhualaidh, agus rinn i a réir gach ni a dh’àithn a màthair-chéile dhi. 7 Agus an uair a dh’ith agus a dh’òl Boas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a luidhe sìos aig ceann an dùin arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chosan, agus luidh i sìos. 8 Agus an uair a bha e mu mheadhon-oidhche, bha eagal air an duine, agus thionndaidh se e féin; agus feuch, bean ’na luidhe aig a chosaibh. 9 Agus thubhairt e, Cò thusa? Agus fhreagair i, Is mise Rut do bhanoglach: sgaoil uime sin iomall t’eudaich air do bhan-òglaich, oir is fear-dàimh (4) thu. 10 Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh thusa o’n Tigh- (1) d’ar luchd-fuasglaidh. Eabh. (2) foghmhar. Eir. (3) na nochd, na feuch, na leig ris thu féin. (4) aon d’ar dissibh; fear-fuasglaidh. Eabh. [TD 95] RUT. CAIB. IV. earna, mo nighean; nochd thu tuille caoimhneis mu dheireadh na an toiseach, do bhrìgh nach deachaidh tu ’n déigh òig-fheara, bochd no beartach. 11 Agus a nis, mo nighean, na biodh eagal ort; gach ni a tha thu ag iarraidh, ni mi dhuit: oir tha fios aig uile bhaile mo shluaigh gur bean shubhailceach (1) thu. 12 Agus a nis tha e fior gur fear-dàimh dhuit mise, gidheadh tha fear-dàimh a’s faigse dhuit na mi. 13 Fan an nochd, agus anns a’ mhaduinn ma ni e riut dlighe fir-dàimh (2), tha sin gu maith, deanadh e dlighe fir-dàimh; ach mur bi e toileach dlighe fir-dàimh a dheanamh riut, an sin ni mise dlighe fir-dàimh riut, mar is beo an Tighearna: luidh sìos gu maduinn. 14 Agus luidh i sìos aig a chosaibh gu maduinn: agus dh’éirich i mu’n robh e ’n comas do dhuine duin’ eile aithneachadh. Agus thubhairt e, Na biodh fios aig neach air bith gu’n d’thàinig bean a steach do’n urlar-bhualaidh. 15 Mar an ceudna thubhairt e, Thoir an so am brat a tha agad umad, agus cum e. Agus chum i e, agus thomhais e sè toimhsean eorna, agus chuir e oirre iad; agus chaidh i a steach do’n bhaile. 16 Agus an uair a thàinig i dh’ionnsuidh a màthar-chéile, thubhairt i, Cò thusa, mo nighean? agus dh’innis i dhi gach ni a rinn an duine dhi. 17 Agus thubhairt i, Na sè toimhsean eorna so thug e dhomh; oir thubhairt e rium, Na imich falamh a dh’ionnsuidh do mhàthar-cheile. 18 Agus thubhairt ise, Fuirich, mo nighean, gus am bi fios agad cionnus a dh’éireas do’n chùis: oir cha bhi an duine aig fois gus an crìochnuich e ’n gnothuch an diugh. CAIB. IV. AN SIN chaidh Boas suas a dh’ionnsuidh a’ gheataidh, agus shuidh e sìos an sin: agus feuch, bha ’m fear-dàimh a’ dol seachad mu’n do labhair Boas, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid so a dh’fhear, thig a leth-taobh, suidh sìos an so. Agus thàinig e a leth-taobh, agus shuidh e sìos. 2 Agus ghabh e deichnear dhaoine do sheanairibh a’ bhaile, agus thubhairt e, Suidhibh sìos an so. Agus shuidh iad sìos. 3 Agus thubhairt e ris an fhear-dàimh, Tha Naomi, a thàinig air a h-ais a fearann Mhoaib, gu earrann do’n achadh bu le ar bràthair Elimelech, a reiceadh. 4 Agus smuainich mi air fios a thoirt duit, ag ràdh, Ceannuich e ’m fianuis an luchd-àiteachaidh, agus am fianuis sheanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e; ach mur fuasgail thu e, innis dhomh, a chum as gu’m bi fios agam: oir cha ’n’eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise a’d’ dhéigh-sa. Agus thubhairt esan, Fuasgailidh mise e. 5 An sin thubhairt Boas, San là anns an ceannaich thu ’n t-achadh o làimh Naomi, feum- (1) aig am bheil deagh bheusan. (2) ma dh’fhuasgaileas e thu. Eabh. [TD 96] RUT. CAIB. IV. aidh tu cuideachd a cheannach o Rut a’ Bhan-mhoabach, bean a’ mhairbh, a thogail suas ainme a’ mhairbh air oighreachd-san. 6 Agus thubhairt am fear-dàimh, Cha ’n fheud mi fhuasgladh dhomh féin, air eagal gu mill mi m’oighreachd féin: fuasgail thusa mo chòir dhuit féin, oir cha ’n fheud mise a fuasgladh. 7 A nis b’e so o shean (1) an gnàth ann an Israel a thaobh fuasglaidh, agus a thaobh iomlaid (2), a dhaingneachadh gach ni: chuireadh duine dheth a bhròg, agus bheireadh e d’a choimhearsnach i: agus bha so mar fhianuis ann an Israel. 8 Uime sin thubhairt am fear-dàimh re Boas, Ceannuich air do shon féin e: agus chuir e dheth a bhròg. 9 Agus thubhairt Boas ris na seanairibh, agus ris an t-sluagh uile, Is fianuisean sibhse an diugh, gu’n do cheannuich mise gach ni bu le Elimelech, agus gach ni bu le Chilion, agus le Mahlon, o làimh Naomi. 10 Agus mar an ceudna Rut a’ Bhan-mhoabach, bean Mhahloin, cheannuich mi dhomh féin gu bhi ’na mnaoi agam, a thogail suas ainme a’ mhairbh air oighreachd, a chum nach gearrar as ainm a’ mhairbh a meadhon a bhràithrean, agus o gheatadh àite féin: is fianuisean sibhse an diugh. 11 Agus thubhairt an sluagh uile a bha sa’ gheatadh, agus na seanairean, Is fianuisean sinn: gu’n deanadh an Tighearna a’ bhean a tha teachd a dh’ionnsuidh do thighe, mar Rachel agus mar Leah, a thog suas le chéile tigh Israeil: agus dean thusa gu cubhaidh (3) ann an Ephratah, agus bi cliuiteach ann am Betlehem. 12 Agus bitheadh do thigh mar thigh Phareis, (a rug Tamar do Iudah) do’n t-sliochd a bheir an Tighearna dhuit o’n mhnaoi òig so. 13 Agus ghabh Boas Rut, agus bha i aige ’na mnaoi: agus chaidh e stigh d’a h-ionnsuidh, agus thug an Tighearna toirrcheas dhi, agus rug i mac. 14 Agus thubhairt na mnài re Naomi, Beannuichte gu robh an Tighearna nach d’fhàg thusa ’n diugh gun fhear-dàimh, a chum gu’m bi ainm cliuiteach (4) ann an Israel. 15 Agus bithidh e dhuit ’na fhear ath-nuadhachaidh do bheatha (5), agus ’na fhear-altruim do shean aois: oir is i do bhan-chliamhuin aig am bheil gràdh dhuit, a’s fearr dhuit na seachd mic, a rug e. 16 Agus ghabh Naomi an leanabh, agus chuir i ’na h-uchd e, agus bha i ’na ban-altrum aige. 17 Agus thug na mnài ’na coimhearsnachd ainm air, ag ràdh, Rugadh mac do Naomi, agus thug iad Obed mar ainm air: Is esan athair Iese, athar Dhaibhidh. 18 A nis is iad so ginealaich Phareis: Ghin Phares Hesron, 19 Agus ghin Hesron Ram, agus ghin Ram Aminadab, 20 Agus ghin Aminadab Nah- (1) roimhe. (2) malairt. (3) feartail, buadhar. (4) gu’n goirear ainm. Eabh. (5) ’na fhear-aisig t’anma. Eabh. [TD 97] RUT. CAIB. IV I. SAMUEL. CAIB. I. son, agus ghin Nahson Salmon, 21 Agus ghin Salmon Boas, agus ghin Boas Obed, 22 Agus ghin Obed Iese, agus ghin Iese Daibhidh. Ceud Leabhar SHAMUEIL, d’an ainm air mhodh eile, Ceud Leabhar nan RIGH. CAIB. I. A NIS bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephrataich. 2 Agus bha dithis bhan aige: ainm mnà dhiubh Hanah, agus ainm na mnà eile Peninah. Agus aig Peninah bha clann, ach aig Hanah cha robh clann. 3 Agus thàinig an duine so nìos as a bhaile gach bliadhna (1), a dheanamh aoraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh; agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin. 4 Agus an uair a thàinig an t-àm anns an d’ìobair Elcanah, thug e d’a mhnaoi Peninah, agus d’a mic uile agus d’a nigheanaibh, cuibhrionnan. 5 Ach do Hanah thug e cuibhrionn dhùbailte (2); oir ghràdhaich e Hanah, ach dhruid an Tighearn a brù. 6 Agus bhrosnaich a h-eascaraid i mar an ceudna gu feirg, a thoirt oirre gearan a dheanamh, a chionn gu’n do dhruid an Tighearn a brù. 7 Agus mar sin rinn e gach bliadhna, ’nuair a thàinig i nìos do thigh an Tighearna: mar sin bhrosnaich si i. Uime sin ghuil i, agus cha ’n itheadh i. (1) o laithibh gu laithibh. Eabh. (2) thaitneach. (3) ’ga cur fa champar. [TD 98] I. SAMUEL. CAIB. I. 8 An sin thubhairt Elcanah a fear rithe, A Hanah, c’ar son a tha thu a’ gul (1)? agus c’ar son nach ’eil thu ag itheadh? agus c’ar son a tha do chridhe air a chràdh? nach fearr mise dhuit na deich mic? 9 Agus dh’éirich Hanah suas an déigh dhoibh itheadh ann an Siloh, agus an déigh dhoibh òl: (a nis bha Eli an sagart ’na shuidhe air cathair làimh re ursainn ann an teampull an Tighearna.) 10 Agus bha i air a cràdh ’na h-anam, agus rinn i urnuigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt. 11 Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da rìreadh air àmhghar do bhanoglaich, agus gu’n cuimhnich thu orm, agus nach di-chuimhnich thu do bhanoglaich, ach gu’n d’thoir thu do d’ bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e do’n Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha d’théid ealtainn air a cheann. 12 Agus an uair a bhuanaich i re h-urnuigh an làthair an Tighearna, thug Eli fa’near a beul. 13 A nis bha Hanah a’ labhairt ’na cridhe; bha a bilean a mhàin a’ gluasad, ach cha chualas a guth: uime sin shaoil Eli gu’n robh i air mhisg. 14 Agus thubhairt Eli rithe, Cia fad a bhios tu air mhisg? cuir air falbh t’fhìon uait. 15 Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Ni h-eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tuirseach a’m’ spiorad: aon chuid fion no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi mach m’anam an làthair an Tighearna. 16 Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann a ro-mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a nis. 17 An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich an sìth: agus gu’n d’thugadh Dia Israeil dhuit t’iarrtus a dh’iarr thu air. 18 Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh-ghean a’d’ shùilibh. Agus dh’imich a’ bhean roimpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis ni b’fhaide dubhach. 19 Agus dh’éirich iad gu moch anns a’ mhaduinn, agus rinn iad aoradh an làthair an Tighearna, agus phill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsuidh an tighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearn oirre. 20 Uime sin tharladh, an uair a thàinig an t-àm m’an cuairt, an déigh do Hanah fàs torrach, gu’n d’rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gu’n d’iarr mi e air an Tighearna. 21 Agus chaidh an duine Elcanah, agus a thigh uile, suas a dh’ìobradh do’n Tighearna na h-ìobairt bhliadhnail, agus a choi’-lionadh a bhòide. 22 Ach cha deachaidh Hanah suas: oir thubhairt i r’a fear, Cha d’théid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, chum gu’n taisbeanar e am (1) a’ gal. [TD 99] I. SAMUEL. CAIB. II. fianuis an Tighearna, agus gu’m fan e ’n sin gu bràth. 23 Agus thubhairt Elcanah a fear rithe, Dean mar is maith leat; fan gus an cuir thu bhàrr na cìche e; a mhàin daingnicheadh an Tighearn fhocal. Agus dh’fhan a’ bhean, agus thug i cìoch d’a leanabh gus an do chuir i bhàrr na cìche e. 24 Agus an uair a chuir i bhàrr na cìche e, thug i suas leatha e, maille re tri-bliadhnach tairbh (1), agus aon ephah do mhin mhìn (2), agus searrag fhìona, agus thug i e do thigh an Tighearna ann an Siloh: agus bha ’n leanabh òg, 25 Agus mharbh iad an tarbh, agus thug iad an leanabh a dh’ionnsuidh Eli. 26 Agus thubhairt i, Mo thighearna, mar is beo t’anam, mo Thighearna, is mis’ a’ bhean a sheas làimh riut an so, a’ deanamh urnuigh ris an Tighearna. 27 Air son an leinibh so rinn mi urnuigh; agus thug an Tighearna dhomh m’iarrtus a dh’iarr mi air. 28 Agus uime sin thug mi seachad gu saor e (3) do’n Tighearna: rè uile laithean a bheatha thugadh seachad e (4) do’n Tighearna. Agus rinn e aoradh do’n Tighearn an sin. CAIB. II. AGUS rinn Hanah urnuigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ deanamh gàirdeachais anns an Tighearna, dh’ardaicheadh m’adharc anns an Tighearna, rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhde, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann do shlàinte-sa. 2 Cha’n’eil neach air bith naomha mar an Tighearna; oir cha ’n’eil neach ann ach thu, agus cha ’n’eil carraig ann mar ar Dia-ne. 3 Na labhraibh ni’s mò cho ro-uaibhreach, na d’thigeadh ardan (5) a mach as bhur beul; oir is Dia eòlais an Tighearna, agus leisean tha gnìomharan air an cothromachadh (6). 4 Tha boghanna nan daoine treun air am briseadh, agus tha iadsan a thuislich air an crioslachadh le neart. 5 Iadsan a bha làn, air son arain thuarasdalaich siad iad féin; agus iadsan a bha ocrach, sguir iad do bhi mar sin: ise a bha roimhe neo-thorach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann. 6 ’Se ’n Tighearn a mharbhas, agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsuidh na h-uaighe, agus bheir e nìos. 7 ’Se ’n Tighearn a ni bochd, agus a ni beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas. 8 Togaidh e ’m bochd o’n duslach; o’n òtrach togaidh e suas am feumach, g’an cur ’nan suidhe maille re uachdranaibh (7), agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh: oir is leis an Tighearna bunaite na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra. 9 Cosan a naomh gleidhidh e, agus bithidh na h-aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith. (1) maille re tri tairbh òga. (2) do phlùr, do mhin chruithneachd. (3) thug mi ’n coingheall e. (4) dh’iarradh e, bheirear an coingheall e. (5) seann nithe. (6) cha stiùrar gnìomhara as eugmhais-san. (7) uaislibh. [TD 100] I. SAMUEL. CAIB. II. 10 Brisear ’nam bloighdibh eascairdean an Tighearna: as na neamhaibh ni e tairneanach orra: bheir an Tighearna breth air crìochaibh na talmhainn, agus bheir e neart d’a righ, agus ardaichidh e adharc Aoin ungta féin. 11 Agus dh’imich Elcanah gu Ramah d’a thigh; agus fhritheil an leanabh do’n Tighearn am fianuis Eli, an t-sagairt. 12 A nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhoibh an Tighearna. 13 Agus b’e gnàth nan sagart leis an t-sluagh, an uair a dh’ìobradh duine sam bith ìobairt, gu’n d’thigeadh òglach an t-sagairt, an uair a bha’n fheoil ’ga bruicheadh, agus greimiche-feòla thri meur ’na làimh: 14 Agus bhuaileadh e san aigheann e, no sa’ choire bheag, no sa’ choire mhòr, no sa’ phoit; gach ni a bheireadh an greimiche-feòla suas, ghabhadh an sagart air a shon féin: mar sin rinn iad ann an Siloh, ris na h-Israelich uile a thàinig an sin. 15 Mar an ceudna mun loisgeadh iad an t-saill, thigeadh òglach an t-sagairt, agus theireadh e ris an duine a dh’ìobair, Thoir feoil g’a ròstadh do’n t-sagart; oir cha ghabh e uait feoil bhruich, ach amh. 16 Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t-saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhuit féin mar is miann le t’anam: an sin fhreagradh e, Ni h-eadh, ach bheir thu dhomh a nis; agus mur tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin. 17 Uime sin bha peacadh nan òganach ro-mhòr am fianuis an Tighearna; oir rinn daoine tarcuis air ìobairt an Tighearna. 18 Ach fhritheil Samuel an lathair an Tighearna, agus e ’na leanabh, air a chrioslachadh le ephod do lìon-eudach. 19 Agus rinn a mhàthair dha còta beag, agus thug i d’a ionnsuidh e o bhliadhna gu bliadhna, ’nuair a chaidh i suas maille r’a fear a dh’ìobradh na h-ìobairt bhliadhnail. 20 Agus bheannuich Eli Elcanah, agus a bhean, agus thubhairt e, Gu’n d’thugadh an Tighearna dhuit sliochd o’n mhnaoi so, air son an tiodhlaic a thug i seachad (1) do’n Tighearna. Agus chaidh iad d’an àite féin. 21 Agus dh’amhairc an Tighearn air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i tri mic, agus dà nighinn: agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianuis an Tighearna. 22 A nis bha Eli ro-shean, agus chual’ e gach ni a rinn a mhic re h-Israel uile, agus cionnus a luidh iad leis na mnaibh a chruinnich aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 23 Agus thubhairt e riu, C’ar son a tha sibh a’ deanamh a leithid so do nithibh? oir tha mi cluinntinn a thaobh bhur droch ghnìomhara o’n t-sluagh so uile. 24 Na deanaibh mar so, mo mhic: oir cha sgeul maith a tha mi a’ cluinntinn, gu bheil sibh a’ toirt air sluagh an Tighearna dol air seacharan (2). 25 Ma pheacaicheas duine an (1) air son an iarrtuis a dh’iarr i, air son a’ choinghill a thugadh no thug thu. (2) claonadh, dol a leth-taobh, peacachadh. [TD 101] I. SAMUEL. CAIB. II. aghaidh duin’ eile, bheir am breitheamh (1) breth air (2): ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? gidheadh cha d’éisd iadsan re guth an athar, do bhrìgh gu’m bu toil leis an Tighearn am marbhadh. 26 (Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas, agus bha e taitneach araon do’n Tighearna, agus do dhaoinibh.) 27 Agus thàinig duine (3) le Dia dh’ionnsuidh Eli, agus thubhairt e ris, Mar so tha ’n Tighearn ag ràdh, An d’fhoillsich mise gu soilleir mi féin do thigh t’athar, an uair a bha iad san Eiphit, ann an tigh Pharaoih? 28 Agus an do thagh mi e a treubhaibh Israeil uile gu bhi ’na shagart agam, a dh’ìobradh (4) air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar ephoid a’m’ fhianuis? agus an d’thug mi do thigh t’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil? 29 C’ar son a tha sibh a’ deanamh tàir air (5) m’ìobairt, agus air mo thabhartas a dh’àithn mi ann am àite-còmhnuidh, agus a tha thu a’ toirt urraim do d’ mhic os mo chionn-sa, gu sibh féin a dheanamh reamhar le roghadh (6) uile thabhartasa mo shluaigh Israeil? 30 Uime sin tha ’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhin, gu’n gluaiseadh do thigh-sa agus tigh t’athar a’m’ fhianuis gu bràth: ach a nis tha ’n Tighearn ag ràdh, Gu ma fada sin uamsa; oir dhoibhsan a bheir urram dhomhsa bheir mise urram, agus iadsan a ni tàir ormsa, is beag am meas a bhitheas dhiubh. 31 Feuch, tha na làithean a’ teachd anns an gearr mi dhìot do ghàirdean, agus gàirdean tighe t’athar, air chor as nach bi seann duine a’d’ thigh. 32 Agus chi thu nàmhaid (7) ann am àite-còmhnuidh-sa anns an uile shaibhreas a bheir Dia do Israel: agus cha bhi seann duine a’d’ thigh-sa gu bràth. 33 Agus an duine sin agad nach gearr mi as o m’ altair, bithidh e a chlaoidh do shùl, agus a chràdh do chridhe: agus bàsaichidh uile ghineal (8) do thighe ann an tréin’ an neirt (9). 34 Agus bithidh so ’na chomhara dhuit, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas: ann an aon là bàsaichidh iad le chéile. 35 Agus togaidh mi suas dhomh féin sagart dìleas, a ni mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha tigh seasmhach (10), agus imichidh e am fianuis m’Aoin ungta gu bràth. 36 Agus tarlaidh gu’n d’thig gach neach a dh’fhàgar a’d’thigh a chromadh sìos da air son mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon do dhreuchdaibh nan sagart, a chum as gu’n ith mi greim arain. (1) Dia; Elohim. Eabh. (2) guidhidh daoine ri Dia as a leth. (3) òglach. (4) gu dol suas. (5) a’ breabadh an aghaidh. Eabh. (6) toiseach. Eabh. (7) chi thu le doilgheas agus farmad neach eile. (8) shliochd, fhàs. (9) ’nan daoinibh. Eabh. (10) cinnteach. [TD 102] I. SAMUEL. CAIB. III. CAIB. III. AGUS fhritheil an leanabh Samuel do’n Tighearna am fianuis Eli: agus bha focal an Tighearna luachmhor anns na laithibh sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann. 2 Agus tharladh anns an àm sin, an uair a bha Eli ’na luidhe ’na àite; (agus thòisich a shùilean air fàilneachadh (1): cha b’urrainn e faicinn gu maith.) 3 Agus mun deachaidh lòchran Dhé as, an uair a bha Samuel ’na luidhe ann an teampull an Tighearna, far an robh àirc Dhé; 4 Gu’n do ghairm an Tighearna air Samuel, agus fhreagair esan, Tha mi ’n so. 5 Agus ruith e dh’ionnsuidh Eli, agus thubhairt e, Tha mi ’n so, oir ghairm thu orm. Agus thubhairt esan, Cha do ghairm mise ort; pill, luidh sìos. Agus dh’fhalbh e agus luidh e sìos. 6 Agus ghairm an Tighearn a rìs air Samuel. Agus dh’éirich Samuel, agus chaidh e dh’ionnsuidh Eli, agus thubhairt e, Tha mi ’n so, oir ghairm thu orm. Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; pill, luidh sìos. 7 A nis cha b’aithne do Shamuel fathast an Tighearna, agus cha d’fhoillsicheadh focal an Tighearna fathast da. 8 Agus ghairm an Tighearna fathast air Samuel an treas uair. Agus dh’éirich e, agus chaidh e dh’ionnsuidh Eli, agus thubhairt e, Tha mi ’n so, air ghairm thu orm. Agus thuig Eli gu’m b’e ’n Tighearn a ghairm air an leanabh. 9 Uime sin thubhairt Eli re Samuel, Falbh, luidh sìos: agus ma ghairmeas e ort, an sin their thu, Labhair, a Thighearna, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. Agus dh’fhalbh Samuel, agus luidh e sìos ’na àite féin. 10 Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h-uairibh eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. 11 Agus thubhairt an Tighearna re Samuel, Feuch, ni mi ni ann an Israel, a ni gaoir (2) ann an dà chluais gach neach a chluinneas e. 12 Anns an là sin, coi’-lionaidh (3) mi an aghaidh Eli na nithe sin uile a labhair mi mu thimchioll a thighe: tòisichidh mi agus crìochnaichidh mi. 13 Oir dh’innis mi dha gu’n d’thoir mi breth air a thigh gu bràth, airson na h-aingidheachd air am bheil e fiosrach; a chionn gu ’n d’thug a mhic masladh dhomhsa (4), agus nach do chaisg (5) esan iad. 14 Agus uime sin mhionnaich mi do thigh Eli, nach glanar as aingidheachd tighe Eli le h-ìobairt, no le tabhartas gu bràth. 15 Agus luidh Samuel gu maduinn, agus dh’fhosgail e dorsan tighe an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innseadh do Eli. 16 An sin ghairm Eli air Samuel, agus thubhairt e, A Sha- (1) chaidh air a léirsinn. (2) fuaim. (3) dùisgidh. (4) gu’n d’rinn a mhic iad fein mallaichte, tàireil. (5) choisg, thoirmisg. [TD 103] I. SAMUEL. CAIB. IV. mueil a mhic. Agus thubhairt esan, Tha mi ’n so. 17 Agus thubhairt e, Ciod an ni a chaidh ràdh (1) riut? na ceil ormsa e, guidheam ort: gu’n deanadh Dia mar sin riut, agus tuilleadh mar an ceudna, ma cheileas tu ni air bith orm, do gach ni a chaidh ràdh riut. 18 Agus dh’innis Samuel dha na h-uile nithe, agus cha do cheil e ni sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e ’n Tighearn a th’ann: an ni sin a ta maith ’na shùilibh ni e. 19 Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha ’n Tighearna maille ris, agus cha do leig e do h-aon air bith d’a fhoclaibh tuiteam a dh’ionnsuidh an làir. 20 Agus bha fios aig Israel uile o Dhan gu ruig Beer-seba gu’n d’orduicheadh (2) Samuel ’na fhàidh do’n Tighearna. 21 Agus thaisbeineadh an Tighearn a rìs ann an Siloh; oir dh’fhoillsich an Tighearn e féin do Shamuel ann an Siloh, le focal an Tighearna. CAIB. IV. AGUS thàinig focal Shamueil a dh’ionnsuidh Israeil uile. A nis chaidh Israel a mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh re Ebeneser: agus champaich na Philistich ann an Aphec. 2 Agus tharruing na Philistich iad féin suas an ordugh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel roimh na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath sa’ mhachair mu thimchioll ceithir mìle fear. 3 Agus an uair a thàinig an sluagh do’n champ, thubhairt seanairean Israeil, C’ar son a bhuail an Tighearna sinn an diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid d’ar n-ionnsuidh a Siloh àirc coi’-cheangail an Tighearna, chum ’nuair a thig i ’nar measg gu’n saor sinn a làimh ar naimhde. 4 Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a chum gu’n d’thugadh iad as sin àirc coi’-cheangail Tighearna nan sluagh, a tha chòmhnuidh eadar na Cheruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille re àirc coi’-cheangail Dé. 5 Agus an uair a thàinig àirc coi’-cheangail an Tighearna do’n champ, dh’éigh Israel uile le h-iolaich (3) mhòir, agus fhreagair an talamh do’n fhuaim. 6 Agus chuala na Philistich fuaim na h-iolaich, agus thubhairt iad, Ciod is ciall do fhuaim na h-iolaiche mòire so ann an camp nan Eabhruidheach? Agus thuig iad gu’n robh àirc an Tighearn air teachd do’n champ. 7 Agus bha eagal air na Philistich, oir thubhairt iad, Tha diathan (4) air teachd do’n champ: agus thubhairt iad, Mo thruaighe sinne; oir cha robh a leithid so do ni riamh roimhe ann! 8 Mo thruaighe sinne! cò a shaoras sinn a làimh nan diatha cumhachdacha sin? is iad sin na diathan a bhuail na h-Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithe iongantach anns an fhàsach. 9 Bithibh làidir, agus bithibh fearail, O sibhse Philisteacha, a chum nach bi sibh ’nar tràillibh (1) a thubhairt an Tighearna. (2) do dhaingnicheadh. (3) gàir. (4) Dia. [TD 104] I. SAMUEL. CAIB. V. aig na h-Eabhruidhich, mar a bha iadsan ’nan tràillean agaibhse: bithibh ma ta fearail, agus cogaibh. 10 Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israel, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsuidh a bhùtha; agus bha àr ro-mhòr ann; oir thuit do Israel deich mìle fichead coisiche. 11 Agus ghlacadh àirc Dhé; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs. 12 Agus ruith duine do Bheniamin a mach as an armailt (1), agus thàinig e gu Siloh air an là sin féin, agus eudach air a reubadh (2), agus duslach air a cheann. 13 Agus an uair a thàinig e, feuch, bha Eli ’na shuidhe air cathair làimh ris an t-slighe, a’ coimhead (3); oir bha a chridhe air chrith air son àirc Dhé. Agus an uair a thàinig an duine do’n bhaile, agus a dh’innis se e, dh’éigh am baile uile. 14 Agus an uair a chual’ Eli fuaim na h-éighich, thubhairt e, Ciod is ciall do fhuaim na conghàir so? agus rinn an duine cabhag, agus thàinig e, agus dh’innis e do Eli. 15 A nis bha Eli ochd bliadhna deug agus ceithir fichead a dh’aois; agus bha a shùilean mall (4), air chor as nach faiceadh e gu maith. 16 Agus thubhairt an duine re Eli, Is mise esan a thàinig a mach as an armailt, agus theich mise ’n diugh as an armailt. Agus thubhairt esan, Ciod a thachair, a mhic? 17 Agus fhreagair an teachdaire agus thubhairt e, Theich Israel roimh na Philistich, agus mar an ceudna bha àr mòr am measg an t-sluaigh, agus mar an ceudna tha do dhithis mhac Hophni agus Phinehas marbh, agus ghlacadh àirc Dhé. 18 Agus an uair a dh’ainmich e airc Dhé, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheatadh, agus bhriseadh amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e ’na sheann duine, agus trom. Agus thug e breth air Israel dà fhichead bliadhna. 19 Agus bha a bhan-chliamhuin, bean Phinehais, torrach, dlùth do bhi air a h-aisead (5); agus an uair a chual’ i ’n sgeul gu’n do ghlacadh àirc Dhé, agus gu’n robh a h-athair-céile marbh, agus a fear, chrom si i féin, agus rug i mac; oir thàinig a saothair-chloinne oirre. 20 Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnài a bha seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, ni mò a thug i fa’near e. 21 Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gu’n do ghlacadh àirc Dhé, agus airson a h-athar-céile agus a fir.) 22 Agus thubhairt i, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel; oir ghlacadh àirc Dhé. CAIB. V. AGUS ghabh na Philistich àirc Dhé, agus thug iad leo i o Ebeneser gu Asdod. 2 An sin ghabh na Philistich (1) as a’ chath. (2) shrachdadh. (3) a’ faire. (4) rag, trom; sheas a shùilean. Eabh. (5) asaid. [TD 105] I. SAMUEL. CAIB. VI. àirc Dhé, agus thug iad i do thigh Dhagoin, agus shuidhich iad i làimh re Dagon. 3 Agus an uair a dh’éirich muinntir Asdoid gu moch air an là màireach, feuch, bha Dagon air tuiteam air aghaidh dh’ionnsuidh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus ghabh iad Dagon, agus chuir iad a rìs e ’na àite féin. 4 Agus an uair a dh’éirich iad gu moch sa’ mhaduinn air an là màireach, feuch, bha Dagon air tuiteam aghaidh dh’ionnsuidh an làir fa chomhair àirc an Tighearna; agus bha ceann Dhagoin, agus dà bhois a làmh air an gearradh dheth aig an stairsnich: dh’fhàgadh a mhàin com Dhagoin aige. 5 Uime sin cha saltair sagairt Dhagoin, no neach air bith a théid a steach do thigh Dhagoin, air stairsnich Dhagoin ann an Asdod, gus an la ’n diugh. 6 Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios (1) e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fola (2), eadhon Asdod agus a chrìocha. 7 Agus an uair a chunnaic daoine Asdoid gu’n robh e mar sin, thubhairt iad, Cha ’n fhan àirc Dhé Israeil maille ruinne; oir tha a làmh trom (3) oirn, agus air Dagon ar Dia. 8 Uime sin chuir iad fios uatha, agus chruinnich iad uile thighearnan (4) nam Philisteach d’an ionnsuidh, agus thubhairt iad, Ciod a ni sinn re àirc Dhé Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dhé Israeil m’an cuairt gu Gat. Agus thug iad m’an cuairt àirc Dhé Israeil gu Gat. 9 Agus an uair a thug iad m’an cuairt i, bha làmh an Tighearn an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro-mhòr, agus bhuail e daoine a’ bhaile eadar bheag agus mhòr; agus bha neasgaidean fola aca ’nan àitibh dìomhair. 10 Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhé gu Hecron; agus an uair a bha àirc Dhé air teachd gu Hecron, dh’éigh na Hecronaich, ag ràdh, Thug iad m’an cuairt d’ar n-ionnsuidh-ne àirc Dhé Israeil, gu sinn féin a mharbhadh, agus ar sluagh. 11 Uime sin chuir iad fios uatha, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dhé Israeil, agus rachadh i air a h-ais d’a h-àite féin, a chum as nach marbh i sinn féin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhé ro-throm an sin. 12 Agus na daoine nach do bhàsaich, bhuaileadh iad le neasgaidean fola; agus chaidh éigheach (5) a’ bhaile suas gu nèamh. CAIB. VI. AGUS bhà airc an Tighearn ann am fearann nam Philisteach seachd mìosan. 2 Agus ghairm na Philistich air na sagartaibh, agus air na fiosaichibh, ag ràdh, Ciod a ni sinn re àirc an Tighearna? thugaibh fios duinn cionnus a chuireas sinn air falbh i d’a h-àite féin. 3 Agus thubhairt iadsan, Ma (1) dh’fhàsaich. (2) hemorrhoids. Sasg. (3) cruaidh. (4) uachdarana. (5) glaodh. [TD 106] I. SAMUEL. CAIB. VI. chuireas sibh air falbh àirc Dhé Israeil, na cuiribh uaibh falamh i; ach air gach uile chor ìocaibh (1) dha tabhartas-eusaontais: an sin slànuichear sibh, agus bithidh fios agaibh c’ar son nach do phill a làmh uaibh. 4 An sin thubhairt iad, Ciod an tabhartas-eusaontais a dh’ìocas sinn da? Agus fhreagair iadsan, Cùig neasgaidean òir, agus cùig luchaidh òir, a réir àireimh thighearnan nam Philisteach; oir bha aon phlàigh oirbh uile, agus air bhur tighearnaibh. 5 Uime sin ni sibh dealbhan bhur neasgaidean, agus dealbhan bhur luchaidh, a tha milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gu’n eutromaich e a làmh dhibh, agus do bhur déibh, agus do bhur tìr. 6 C’ar son uime sin a chruaidhicheas sibh bhur cridhe, mar a chruaidhich na h-Eiphitich agus Pharaoh an cridhe? an uair a rinn e gu h-iongantach ’nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad? 7 A nis uime sin deanaibh feun nomha (2), agus gabhaibh dà mhart-bhainne, air nach deachaidh cuing; agus ceanglaidh sibh na mairt ris an fheun, agus bheir sibh an laoigh dhachaidh uatha. 8 Agus gabhaidh sibh àirc an Tighearna, agus cuiridh sibh i air an fheun; agus cuiridh sibh na seudan òir, a dh’ìocas sibh dha mar thabhartas-eusaontais, ann an cobhan (3) r’a taobh, agus cuiridh sibh air falbh i, a chum as gu’n imich i. 9 Agus chi sibh, ma théid i suas rathad a crìche féin gu Bet-semes, an sin rinn e an t-olc mòr so oirn: ach mur d’théid, an sin bithidh fios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirn. 10 Agus rinn na daoine mar sin: agus ghabh iad dà mhart-bhainne, agus cheangail iad ris an fheun iad, agus dhruid (4) iad an laoigh a stigh. 11 Agus chuir iad àirc an Tighearn air an fheun, agus an cobhan leis na luchaidh òir, agus dealbhan an neasgaidean fola. 12 Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet-semeis: air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a leth-taobh a dh’ionnsuidh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach ’nan déigh gu crìch Bhet-semeis. 13 Agus bha muinntir Bhet-semeis a’ buain an cruithneachd anns a’ ghleann; agus thog iad suas an sùilean, agus chunnaic iad an àirc, agus rinn iad gairdeachas ’nuair a chunnaic iad i. 14 Agus thàinig am feun gu achadh Iosua a’ Bhet-semesich, agus sheas e ’n sin, far an robh clach mhòr; agus sgoilt iad fiodh an fheuna, agus thug iad suas na mairt ’nan ìobairt-loisgte do’n Tighearna. 15 Agus thug na Lebhithich sìos àirc an Tighearna, agus an cobhan a bha maille rithe, anns an robh na seudan òir, agus chuir iad air a’ chloich mhòir iad: agus thug daoine Bhetsemeis suas (1) thugaibh air ais. (2) cairt nuadh. (3) ciste. (4) ghléidh. [TD 107] I. SAMUEL. CAIB. VII. tabhartais-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairte san là sin féin do’n Tighearna. 16 Agus an uair a chunnaic cùig tighearnan nam Philisteach e, phill iad gu Hecron san là sin féin. 17 Agus is iad so na neasgaidean òir, a dh’ìoc na Philistich mar thabhartas-eusaontais do’n Tighearna; airson Asdoid aon, air son Ghasa aon, air son Asceloin aon, air son Ghat aon, air son Hecroin aon: 18 Agus na luchaidh òir, a réir àireimh uile bhailte nam Philisteach, a bhuineadh do na cùig tighearnaibh, araon bhailte daingnichte agus bhailte gun bhalladh, eadhon gu ruig a’ chlach mhòr, air an do chuir iad sìos àirc an Tighearna, clach a tha làthair gus an la ’n diugh ann an achadh Iosua a’ Bhet-semesich. 19 Ach bhuail e daoine Bhet-semeis, a chionn gu’n do sheall iad air àirc an Tighearna; bhuail e eadhon do’n t-sluagh tri fichead agus deichnear fhear (1): agus rinn an sluagh caoidh, do bhrìgh gu’n do bhuail an Tighearna cuid do’n t-sluagh le plàigh (2) mhòir. 20 Agus thubhairt daoine Bhetsemeis, Cò is urrainn seasamh an làthair an Tighearna Dé naomha so? agus cia dh’ionnsuidh a théid i (3) suas uainne? 21 Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsuidh luchd-àiteachaidh Chiriat-iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h-ais àirc an Tighearna; thigibh a nuas, thugaibh suas i d’ar n-ionnsuidh CAIB. VII. AGUS thàinig daoine Chiriat-iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a steach i do thigh Abinadaib ann an Gibeah (4), agus naomhaich iad a mhac Eliasar, a ghleidheadh àirc an Tighearna. 2 Agus tharladh, o’n là a dh’fhan an àirc ann an Ciriat-iearim, gu’n robh an aimsir fada, (oir bha fichead bliadhna ann) agus rinn tigh Israeil uile caoidh an déigh an Tighearna. 3 Agus labhair Samuel re uile thigh Israeil, ag ràdh, Ma philleas sibh a dh’ionnsuidh an Tighearna le’r n-uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as bhur measg, Baalim agus Astarot; agus ulluichibh bhur cridhe a chum an Tighearna, agus deanaibh seirbhis dha-san a mhàin, agus saoraidh e sibh a làimh nam Philisteach. 4 An sin chuir clann Israeil air falbh Baalim agus Astarot, agus rinn iad seirbhis do’n Tighearn a mhàin. 5 Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus ni mise urnuigh air bhur son ris an Tighearna. 6 Agus chruinnich iad an ceann a chéile gu Mispeh, agus tharruing iad uisge, agus dhòirt iad a mach e an làthair an Tighearna, agus throisg iad air an la sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breth air cloinn Israeil ann am Mispeh. 7 Agus chuala na Philistich (1) tri fichead agus deichnear fhear, agus leth-cheud mìle fear. (2) àr, sgrios. (3) i. e. an àirc. (4) anns a’ chnoc. [TD 108] I. SAMUEL. CAIB. VIII. gu’n robh clann Israeil air cruinneachadh an ceann a chéile gu Mispeh, agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas an aghaidh Israeil: agus an uair a chuala clann Israeil e, bha eagal orra roimh na Philistich. 8 Agus thubhairt clann Israeil re Samuel, Na sguir do ghlaodhaich ris an Tighearna ar Dia air ar son, a chum as gu’n saor e sinn a làimh nam Philisteach. 9 Agus ghabh Samuel uan deothail (1), agus thug e suas e uile mar ìobairt-loisgte do’n Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearn air son Israeil, agus chual’ an Tighearn e. 10 Agus an uair a bha Samuel a’ toirt suas na h-ìobairt-loisgte, tharruing na Philistich am fagus gu cath an aghaidh Israeil: ach rinn an Tighearna tairneanach le fuaim (2) mhòir san là sin air na Philistich, agus chlaoidh e iad, agus bhuaileadh iad roimh Israel. 11 Agus chaidh fir Israeil a mach a Mispeh, agus ruaig (3) iad na Philistich, agus bhuail siad iad, gus an d’thàinig iad fuidh Bhet-car. 12 An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Ebeneser (4) mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige so chuidich an Tighearna leinn. 13 Agus dh’irioslaicheadh (5) na Philistich, agus cha d’thàinig iad tuille gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearn an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil. 14 Agus thugadh na bailtean a ghlac na Philistich o Israel, air an ais do Israel, o Hecron eadhon gu Gat; agus shaor Israel an crìochan a làimh nam Philisteach: agus bha sìth eadar Israel agus na h-Amoraich. 15 Agus thug Samuel breth air Israel rè uile làithean a bheatha. 16 Agus chaidh e o bhliadhna gu bliadhna m’an cuairt gu Betel, agus Gilgal, agus Mispeh, agus thug e breth air Israel anns na h-àitibh sin uile. 17 Agus bha theachd air ais gu Ramah; oir an sin bha a thigh: agus an sin thug e breth air Israel, agus an sin thog e altair do’n Tighearna. CAIB. VIII. A NIS an uair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic ’nam breitheamhnaibh os cionn Israeil. 2 Agus b’e ainm a cheudghin mic Ioel, agus ainm a dhara mic Abiah: bha iad ’nam breitheamhnaibh ann am Beer-seba. 3 Agus cha do ghluais a mhic ’na shlighibh-san, ach chlaon iad an déigh tairbhe (6), agus ghabh iad duais (7), agus dh’fhiar iad breitheanas. 4 An sin chruinnich uile sheanairean Israeil iad féin an ceann a chéile, agus thainig iad a dh’ionnsuidh Shamueil gu Ramah. 5 Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus cha ’n’eil do mhic a’ gluasad ann do shlighibh: a nis ma ta dean dhuinne righ gu breth a thoirt oirn, mar na cinnich uile. 6 Ach mhi-thaitinn an ni re (1) bainne. Eabh. (2) torainn. (3) lean. (4) i. e. clach a’ chuideachaidh. (5) cheannsaicheadh. (6) sannt. (7) tiodhlacan. [TD 109] I. SAMUEL. CAIB. VIII. Samuel (1), an uair a thubhairt iad, Thoir dhuinn righ gu breth a thoirt oirn: agus rinn Samuel urnuigh ris an Tighearna. 7 Agus thubhairt an Tighearna re Samuel, Eisd re guth an t-sluaigh anns gach ni a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a chum nach rìoghaichinn os an ceann. 8 A réir nan uile oibre a rinn iad o’n là anns an d’thug mi nìos iad as an Eiphit gu ruig an la ’n diugh, leis an do thréig iad mi, agus an d’rinn iad seirbhis do dhiathaibh eile, mar so tha iad a’ deanamh mar an ceudna riutsa. 9 A nis uime sin éisd r’an guth: gidheadh bheir thu gu cinnteach fianuis ’nan aghaidh, agus cuiridh tu ’n céill dhoibh lagh (2) an righ a rìoghaicheas os an cionn. 10 Agus dh’innis Samuel uile bhriathran an Tighearna do’n t-sluagh, a bha ’g iarraidh righ air. 11 Agus thubhairt e, So mar a bhitheas lagh an righ a rìoghaicheas os bhur cionn: Gabhaidh e bhur mic, agus orduichidh e dha féin iad a chum a charbadan, agus gu bhi ’nam marcaich aige, agus gu ruith roimh a charbadaibh; 12 Agus gu’n cur ’nan ceannardaibh dha féin air mhìltibh, agus ’nan ceannardaibh air leth-cheudaibh, agus a dh’ar fhearainn (3), agus a bhuain fhogharaidh, agus a dheanamh innil cogaidh air a shon, agus innil air son a charbada. 13 Agus gabhaidh e bhur nigheana a dheanamh oladh-ungaidh cùbhraidh, agus gu bhi ’nam ban-chòcairibh, agus ’nam ban-fhuineadairibh. 14 Agus gabhaidh e bhur n-achaidh, agus bhur fion-liosan, agus bhur liosan-olaidh, eadhon a’ chuid a’s fearr dhiubh, agus bheir e iad d’a òglachaibh. 15 Agus gabhaidh e an deachamh d’ar sìol, agus d’ar fion-liosaibh, agus bheir e d’a luchd-dreuchd e, agus d’a òglachaibh. 16 Agus gabhaidh e bhur n-òglaich-sa agus bhur banoglaich, agus na h-òganaich a’s fearr agaibh, agus bhur n-asail, agus cuiridh e chum oibre féin iad. 17 Gabhaidh e an deachamh d’ar caoraich: agus bithidh sibh ’nar seirbhisich aige. 18 Agus glaodhaidh sibh a mach san là sin o làthair bhur righ a thagh sibh dhuibh féin; agus cha ’n éisd an Tighearna ribh san là sin. 19 Gidheadh, dhiùlt an sluagh éisdeachd re guth Shamueil, agus thubhairt iad, Ni h-eadh; ach bithidh righ againne os ar cionn: 20 Agus bithidh sinne mar an ceudna mar na cinnich uile, agus bheir ar righ breth oirn, agus théid e mach romhainn, agus cuiridh (4) e ar cathan. 21 Agus chuala Samuel uile bhriathran an t-sluaigh, agus dh’aithris e iad ann an cluasaibh an Tighearna. 22 Agus thubhairt an Tighearna re Samuel, Eisd r’an guth, agus dean righ dhoibh. Agus thubhairt Samuel re fir Israeil, (1) bha an ni olc ann an sùilibh Shamueil. (2) riaghailt, seòl. (3) chum a threabhachd a threabhadh. (4) cogaidh. [TD 110] I. SAMUEL. CAIB. IX. Rachaibh gach duine dhibh d’a bhaile féin. CAIB. IX. A NIS bha duine do Bheniamin, d’am b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniaminich, duine treun ann an neart. 2 Agus bha mac aige, d’am b’ainm Saul, roghadh òig-fhir, agus e tlachd-mhor (1); agus cha robh am measg chloinn Israeil fear bu tlachdmhoire na e: o ghuaillibh agus o sin suas b’airde e na ’n sluagh uile. 3 Agus chailleadh asail Chis, athar Shauil; agus thubhairt Cis r’a mhac Saul, Thoir leat a nis aon do na h-òganaich, agus éirich, falbh, iarr na h-asail. 4 Agus chaidh e troimh mhonadh Ephraim, agus chaidh e troimh thìr Shalisa, ach cha d’fhuair siad iad: an sin chaidh e (2) troimh thìr Shalim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e troimh thìr nam Beniamineach, ach cha d’fhuair siad iad. 5 Agus an uair a thàinig iad gu tìr Shuph, thubhairt Saul r’a òganach a bha maille ris, Thig agus pilleamaid, air eagal gu’n leig m’athair dheth a chùram mu na h-asail, agus gu’m bi smuairean air m’ar timchioll-ne. 6 Agus thubhairt esan ris, Feuch a nis, tha duine le Dia anns a’ bhaile so, agus is duine urramach e; thig gach ni a their e gu cinnteach gu crìch: a nis ma ta rachamaid an sin; theagamh gu’n innis e dhuinn ar slighe, air an còir dhuinn gluasad. 7 An sin thubhairt Saul r’a òganach, Ach feuch, ma théid sinn, ciod a bheir sinn a dh’ionnsuidh òglaich (3) Dhé? oir chaitheadh an t-aran ’nar soithichibh, agus cha ’n’eil tiodhlac ann re thoirt a dh’ionnsuidh òglaich Dhé: ciod ma ta a ni sinn? 8 Agus fhreagair an t-òganach Saul a rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha agam an so a’m’ làimh an ceathramh cuid do shecel airgid: sin bheir mi do òglach Dhé, agus innsidh e dhuinn ar slighe. 9 O shean (4) ann an Israel, an uair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh do Dhia, mar so labhradh e, Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsuidh an fhir-sheallaidh (5): oir esan ris an abrar a nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.) 10 An sin thubhairt Saul r’a òganach, Is maith a labhair thu, thig, imicheamaid: agus dh’imich iad do’n bhaile, far an robh òglach Dhé. 11 Agus an uair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a mach a tharruing uisge, agus thubhairt iad riu, Am bheil am fear-seallaidh an so? 12 Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e roimhibh (6): deanaibh cabhag (7) a nis, oir an diugh tha e air teachd do’n bhaile; oir tha ìobairt aig an t-sluagh an diugh anns an ionad ard. 13 An uair a théid sibh a steach do’n bhaile, air ball gheibh sibh e, mun d’théid e suas do’n ionad ard a dh’itheadh: oir cha ’n ith an sluagh gus an d’thig e, (1) maith, àluinn. (2) iad. (3) duine. Eabh. (4) Roimhe. (5) an fheuchadoir. (6) romhad. Eabh. (7) dean cabhag. Eabh. [TD 111] I. SAMUEL. CAIB. IX. a chionn gu’m beannaich e an ìobairt, agus an déigh sin ithidh iadsan a chuireadh. A nis uime sin rachaibh suas, oir mu’n àm so gheibh sibh e. 14 Agus chaidh iad suas do’n bhaile: agus an uair a bha iad a’ dol a steach gu meadhon a’ bhaile, feuch, thàinig Samuel a mach ’nan coinneamh, gu dol suas do’n ionad ard. 15 A nis dh’innis (1) an Tighearn ann an cluais Shamueil, la mun d’thàinig Saul, ag ràdh, 16 Mu’n àm so am màireach cuiridh mi a’d’ ionnsuidh duine a tìr Bheniamin, agus ungaidh tu e ’na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh a làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gu’n d’thàinig an glaodh a m’ ionnsuidh. 17 Agus an uair a chunnaic Samuel Saul, thubhairt an Tighearna ris, Feuch an duine mu’n do labhair mi riut: rìoghaichidh esan os cionn mo shluaigh. 18 An sin thàinig Saul am fagus do Shamuel anns a’ gheatadh (2), agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, c’àit am bheil tigh an fhir-sheallaidh? 19 Agus fhreagair Samuel Saul, agus thubhairt e, Is mise am fear-seallaidh: gabh suas romham do’n ionad ard, agus ithidh sibh (3) maille riumsa an diugh; agus leigidh mi leat falbh sa’ mhaduinn, agus gach ni a ta ann do chridhe innsidh mi dhuit. 20 Agus a thaobh nan asal agad a chailleadh o cheann tri laithean, na suidhich t’inntinn orra, oir fhuaradh iad: agus cò air am bheil uile dhéigh Israeil (4)? nach ann ortsa, agus air uile thigh t’athar? 21 Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniamineach mise do’n treubh a’s lugha ann an Israel? agus nach e mo theaghlach a’s lugha do uile theaghlaichibh tréibhe Bheniamin? c’ar son uime sin a tha thu labhairt riumsa air an dòigh so? 22 Agus ghabh Samuel Saul agus òganach, agus thug e steach iad do’n t-seòmar-chuirm, agus thug e àite-suidhe dhoibh aig ceann-toisich nan daoine a chaidh chuireadh, agus iad mu thimchioll deich fir fhichead. 23 Agus thubhairt Samuel ris a’ chòcaire, Thoir dhomh a’ chuibhrionn a thug mi dhuit, mu’n dubhairt mi riut, Cuir làimh riut i. 24 Agus thog an còcaire an slinnein, agus an ni a bha air, agus chuir e fa chomhair Shauil e, agus thubhairt Samuel, Feuch, cuir an ni sin a dh’fhàgadh air do bheulaobh, agus ith; oir dh’ionnsuidh an àm so ghleidheadh dhuit e, o thubhairt mi, Thug mi cuireadh do’n t-sluagh. Agus dh’ith Saul maille re Samuel air an là sin. 25 Agus an uair a thàinig iad a nuas o’n ionad ard do’n bhaile, labhair Samuel re Saul air mullach an tighe. 26 Agus dh’éirich iad gu moch: agus mu bhriseadh na fàire, ghairm Samuel air Saul gu mullach an tighe, ag ràdh, Eirich, a chum gu’n leig mi air falbh thu. Agus dh’éirich Saul, (1) thaisbein, dh’fhoillsich. Eabh. (2) am meadhon a’ bhaile. (3) tu. (4) d’am buin uile nithe taitneach Israeil. [TD 112] I. SAMUEL. CAIB. X. agus chaidh iad a mach le chéile, e féin agus Samuel. 27 Agus an uair a bha iad a’ dol sìos gu iomall a’ bhaile, thubhairt Samuel re Saul, Abair ris an òganach dol air aghaidh romhainn, (agus chaidh e air aghaidh:) ach seas thusa tamull, agus cuiridh mi ’n céill dhuit focal Dé. CAIB. X. AN SIN ghabh Samuel corn (1) ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg se e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gu’n d’ung an Tighearn thu gu bhi d’ cheannard air oighreachd féin? 2 ’Nuair a dh’imicheas tu ’n diugh uamsa, an sin gheibh thu dithis dhaoine làimh re uaigh Racheil, ann an crìch Bheniamin ann an Selsah: agus their iad riut, Fhuaradh na h-asail a chaidh thu a dh’iarraidh; agus feuch, leig t’athair dheth cùram nan asal, agus tha smuairein air m’ar timchioll-sa, ag ràdh, Ciod a ni mi air son mo mhic? 3 An sin théid thu air t’aghaidh as sin, agus thig thu dh’ionnsuidh còmhnaird (2) Thaboir, agus coinnichich thu ’n sin triuir dhaoine a’ dol suas a dh’ionnsuidh Dhé gu Betel, aon diubh a’ giùlan thri meann, agus aon eile a’ giùlan thri builinnean arain, agus aon eile a’ giùlan searraig fhìona. 4 Agus cuiridh iad fàilte ort, agus bheir iad dhuit dà bhuilinn arain, agus gabhaidh tu as an àimh iad. 5 ’Na dhéigh sin thig thu gu cnoc Dhé, far am bheil freiceadan nam Philisteach: agus tarlaidh ’nuair a thig thu an sin do’n bhaile, gu’n coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a nuas o’n ionad ard, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach rompa, agus iad re fàidheadoireachd. 6 Agus tuirlingidh (3) spiorad an Tighearn ort, agus ni thu fàidheadoireachd maille riu-san, agus tionndaidhear (4) thu a’d’ dhuine eile. 7 Agus an uair a thig na comharan sin ort, ni thu mar a fhreagras a’ chùis duit (5), oir bithidh Dia maille riut. 8 Agus théid thu sìos romham-sa gu Gilgal, agus feuch, théid mise sìos a’d’ ionnsuidh a thoirt suas thabhartasa-loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasa-sìth; seachd laithean fanaidh tu, gus an d’thig mise a d’ ionnsuidh, agus gu’n d’thoir mi fios dhuit ciod a ni thu. 9 Agus an uair a thionndaidh e a chùl gu falbh o Shamuel, thug Dia dha cridhe eile; agus thàinig na comharan sin uile gu crìch air an là sin féin. 10 Agus thàinig e o sin (6) do’n chnoc; agus feuch, choinnich cuideachd fhàidhean e, agus thuirling spiorad Dhé air, agus rinn e fàidheadoireachd ’nam measg. 11 A nis an uair a chunnaic iadsan uile a ghabh eòlas air roimhe, feuch, gu’n d’rinn e fàidheadoireachd maille ris na fàidhibh, an sin thubhairt an sluagh gach aon re chéile, Ciod e so thàinig air mac Chis? Am (1) oin. (2) doire. (3) thig. (4) iompoichear. (5) ni sin a gheibh do làmh. Eabh. (6) iad an sin. [TD 113] I. SAMUEL. CAIB. X. bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean? 12 Agus fhreagair duine as an àite sin, agus thubhairt e, Ach cò e an athair (1)? uime sin bha e ’na ghnàth-fhocal, Am bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean? 13 Agus an uair a chuir e crìoch air fàidheadoireachd a dheanamh, thàinig e do’n ionad ard. 14 Agus thubhairt bràthair-athar Shauil ris, agus r’a òganach, C’àite chaidh sibh? agus thubhairt esan (2), A dh’iarraidh nan asal: agus an uair a chunnaic sinn nach robh iad r’am faghail, thàinig sinn gu Samuel. 15 Agus thubhairt bràthair-athar Shauil, Innis dhomh, guidheam ort, ciod a thubhairt Samuel ribh. 16 Agus thubhairt Saul re bràthair-athar, Dh’innis e dhuinn gu cinnteach gu’n d’fhuaradh na h-asail; ach a thaobh na rìoghachd, cha d’innis e dha ciod a thubhairt Samuel. 17 Agus ghairm Samuel an sluagh r’a chéile a dh’ionnsuidh an Tighearna gu Mispeh; 18 Agus thubhairt e re cloinn Israeil, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi nìos Israel as an Eiphit, agus shaor mi sibh as làimh nan Eiphiteach, agus as làimh nan rìoghachdan uile, a bha deanamh ainneart oirbh. 19 Gidheadh chuir sibhse an diugh cùl re’r Dia, esan a shaor sibh o bhur n-uilc agus bhur teanntachdaibh gu léir; agus thubhairt sibh, Ni h-eadh, ach cuiridh tu righ os ar cionn. A nis uime sin nochdaibh sibh féin am fianuis an Tighearn a réir bhur treubhan, agus a réir bhur mìlte. 20 Agus an uair a thug Samuel air uile threubhan Israeil teachd am fagus, ghabhadh (3) treubh Bheniamin. 21 Agus an uair a thug e air tréibh Bheniamin teachd am fagus a réir an teaghlaichean, ghabhadh teaghlach Mhatri: agus an uair a thug e air teaghlach Mhatri teachd am fagus a lìon fear agus fear, ghabhadh Saul mac Chis: agus an uair a dh’iarr iad e, cha d’fhuaradh e. 22 Uime sin dh’fhiosraich iad fathast do’n Tighearna, an d’thigeadh an duine fathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fholaich se e féin am measg na h-airneis. 23 Agus ruith iad, agus thug iad as sin e: agus an uair a sheas e am meadhon an t-sluaigh, bha e ni b’airde na’n sluagh uile, o ghuaillibh agus o sin suas. 24 Agus thubhairt Samuel ris an t-sluagh uile, Am faic sibh esan a thagh an Tighearna, nach ’eil neach cosmhuil ris am measg an t-sluaigh uile? Agus rinn an sluagh uile iolach (4), agus thubhairt iad, Gu ma fada beo an righ. 25 An sin dh’innis Samuel do’n t-sluagh lagh (5) na rìoghachd, agus scrìobh e ann an leabhar e, agus thaisg e suas am fianuis an Tighearn e: agus leig Samuel an sluagh uile air falbh, gach duine d’a thigh. 26 Agus chaidh Saul mar an ceudna dhachaidh gu Gibeah, agus chaidh maille ris daoine (1) cò e athair? (2) iadsan. (3) i. e. le crannchur. (4) gàir. (5) riaghailt, seòl. [TD 114] I. SAMUEL. CAIB. XI. treun, aig an do bhean Dia r’an cridhe. 27 Ach thubhairt mic Bhelial, Cionnus a shaoras am fear so sinn? agus rinn iad dìmeas air, agus cha d’thug iad tiodhlac sam bith d’a ionnsuidh: ach dh’fhan esan ’na thosd. CAIB. XI. AN SIN chaidh Nahas an t-Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis-ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis re Nahas, Dean coi’-cheangal ruinn, agus ni sinne seirbhis dhuit. 2 Agus fhreagair Nahas an t-Amonach iad, Air a’ chumha so ni mi coi’-cheangal ribh, gu’n spìon mi mach gach sùil dheas agaibh, agus gu’n cuir mi am masladh (1) so air Israel uile. 3 Agus thubhairt seanairean Iabeis ris, Thoir dhuinn dàil sheachd laithean, a chum as gu’n cuir sinn teachdairean gu uile chrìochaibh Israeil; agus mur bi neach sam bith gu’r saoradh, an sin théid sinn a mach a d’ ionnsuidh. 4 An sin thàinig na teachdairean gu Gibeah Shauil, agus dh’innis iad an sgeul ann an cluasaibh an t-sluaigh: agus thog an sluagh uile suas an guth, agus ghuil iad. 5 Agus feuch, thàinig Saul an déigh a’ bhuair as a’ mhachair, agus thubhairt Saul, Ciod a thàinig air an t-sluagh, gu’m bheil iad a’ gul? agus dh’innis iad da sgeul dhaoine Iabeis. 6 Agus thuirling spiorad Dhé air Saul an uair a chual’ e an sgeul sin, agus lasadh fhearg gu mòr. 7 Agus ghabh e cuing dhamh, agus ghearr e sìos ’nam mìribh iad, agus chuir e iad air feadh uile chrìochan Israeil le làimh theachdairean, ag ràdh, Ge b’e nach d’thig a mach an déigh Shauil, agus an déigh Shamueil, mar so nithear r’a dhaimh: agus thuit eagal an Tighearn air an t-sluagh, agus thàinig iad a mach mar aon duine (2). 8 Agus an uair a dh’àireamh e iad ann am Besec, bha ann do chloinn Israeil tri cheud mìle, agus do fhir Iudah deich mìle fichead. 9 Agus thubhairt iad ris na teachdairibh a thàinig, Mar so their sibh re fir Iabeis-ghilead, Am màireach, an uair a dh’fhàsas a’ ghrian teth, bithidh cabhair (3) agaibh. Agus thàinig na teachdairean, agus dh’innis iad sin do fhir Iabeis; agus bha aoibhneas orra. 10 Uime sin thubhairt fir Iabeis (4), Am màireach théid sinn a mach d’ar n-ionnsuidh, agus ni sibh ruinn a réir gach ni a’s àill leibh (5). 11 Agus air an la màireach chuir Saul an sluagh ’nan tri buidhnibh, agus thàinig iad gu meadhon an fheachd ann am faire na maidne, agus bhuail iad na h-Amonaich gus an d’fhàs an latha teth: agus sgapadh iadsan a mhair, air chor as nach d’fhàgadh dithis diubh cuideachd. 12 Agus thubhairt an sluagh re Samuel, Cò a thubhairt, Cha (6) rìoghaich Saul os ar ceann? thugaibh an so na daoine a (1) spìd. (2) le aon rùn. (3) còmhnadh, saorsa. (4) fir Iabeis re Nahas righ nan Amonach. (5) a bhios maith ’nar sùilibh. (6) An. [TD 115] I. SAMUEL. CAIB. XII. chum as gu’n cuir sinn gu bàs iad. 13 Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là so: oir an diugh dh’oibrich an Tighearna saorsa ann an Israel. 14 An sin thubhairt Samuel ris an t-sluagh, Thigibh, agus rachamaid do Ghilgal, agus ath-nuadhaicheamaid an sin an rìoghachd. 15 Agus chaidh an sluagh uile gu Gilgal, agus rinn iad Saul an sin ’na righ am fianuis an Tighearn ann an Gilgal; agus dh’ìobair iad an sin ìobairtean thabhartasa-sìth am fianuis an Tighearna: agus rinn Saul an sin agus fir Israeil uile gairdeachas mòr. CAIB. XII. AGUS thubhairt Samuel re h-Israel uile, Feuch, dh’éisd mi re’r guth anns gach ni a thubhairt sibh rium, agus rinn mi righ os bhur cionn. 2 Agus a nis feuch, tha’n righ ag imeachd roimhibh (1): agus tha mise aosmhor agus ceann-liath, agus feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise (2) ’nar fianuis o m’òige gus an la ’n diugh. 3 Feuch, tha mi ’n so; thugaibh fianuis a’m’ aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair Aoin ungta: cò esan o’n d’thug mi a dhamh? agus cò esan o’n d’thug mi asal? agus cò esan air an d’rinn mi feall? cò esan air an d’rinn mi ainneart? agus cò esan o a làimh an do ghabh mi duais a chum mo shùilean a dhalladh leatha? agus aisigidh mi (3) dhuibh. 4 Agus thubhairt iadsan, Cha d’rinn thu feall oirnne, ni mò a rinn thu ainneart oirn, ni mò a ghabh thu ni air bith o làimh aon duine. 5 Agus thubhairt e riu, Tha ’n Tighearna ’na fhianuis ’nar n-aghaidh, agus tha Aon ungta ’na fhianuis an diugh, nach d’fhuair sibh a’m’ làimh-sa ni sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e ’na fhianuis. 6 Agus thubhairt Samuel ris an t-sluagh, Is e ’n Tighearn a rinn (4) Maois agus Aaron, agus a thug bhur n-aithriche nìos a tìr na h-Eiphit. 7 A nis uime sin seasaibh, a chum as gu’n d’thoir mi breth oirbh (5) an làthair an Tighearn, a thaobh uile ghnìomhara ceart an Tighearn, a rinn e dhuibhse agus do bhur n-aithrichibh. 8 An uair a thàinig Iacob a steach do’n Eiphit, agus a ghlaodh bhur n-aithriche ris an Tighearna, an sin chuir an Tighearna d’an ionnsuidh Maois agus Aaron, a thug bhur n-aithriche mach as an Eiphit, agus a thug orra còmhnuidh ghabhail anns an àite so. 9 Agus an uair a dhi-chuimhnich iad an Tighearn an Dia, thug e thairis iad do làimh Shisera, ceannaird armailte Hasoir, agus do làimh nam Philisteach, agus do làimh righ Mhoaib, agus chog iad ’nan aghaidh. 10 Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gu’n do thréig sinn an Tighearn, agus gu’n d’rinn sinn seirbhis do Bhaalim agus Astarot; ach a (1) ’na cheannard oirbh. (2) chaith mi mo bheatha. (3) bheir mi air ais. (4) a chruthaich, a thog suas. (5) gu’n tagair, gu’n reusonaich mi ribh. [TD 116] I. SAMUEL. CAIB. XII. nis saor sinn as làimh ar naimhde, agus ni sinn seirbhis dhuit. 11 Agus chuir an Tighearn uaith Ierubaal, agus Barac (1), agus Iephtah, agus Samuel (2), agus shaor e sibh as làimh bhur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnuidh gu tèaruinte. 12 Agus an uair a chunnaic sibh gu’n d’thàinig Nahas righ chloinn Amoin ’nar n-aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Ni h-eadh, ach rìoghaichidh righ os ar cionn; an uair a b’e an Tighearna bhur Dia bhur righ. 13 A nis uime sin feuch an righ a thagh sibh, agus a dh’iarr sibh: agus feuch, chuir an Tighearna righ os bhur cionn. 14 Ma bhios eagal an Tighearn oirbh, agus ma ni sibh seirbhis dha, agus ma dh’éisdeas sibh r’a ghuth, agus nach dean sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna (3), an sin bithidh sibh féin tèaruinte (4), agus mar an ceudna an righ a rìoghaicheas os bhur cionn an déigh an Tighearna bhur Dé (5). 15 Ach mur éisd sibh re guth an Tighearna, agus gu’n dean sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bithidh làmh an Tighearna ’nar n-aghaidh-sa, mar a bha i ’n aghaidh bhur n-aithriche. 16 A nis uime sin seasaibh agus faicibh an ni mòr so a ni an Tighearna fa chomhair bhur sùl. 17 Nach ’eil foghara a’ chruithneachd ann an diugh? gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e nuas tairneanach agus uisge; a chum as gu’n tuig agus gu’m faic sibh gu’m bheil bhur n-olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le righ iarraidh dhuibh féin. 18 Agus ghairm Samuel air an Tighearna, agus chuir an Tighearn a nuas tairneanach agus uisge air an là sin, agus ghabh an sluagh uile eagal mòr roimh ’n Tighearna, agus roimh Shamuel. 19 Agus thubhairt an sluagh uile re Samuel, Dean urnuigh air son do sheirbhiseacha ris an Tighearna do Dhia, a chum as nach bàsaich sinn: oir chuir sinn r’ar peacannaibh uile an t-olc so, righ iarraidh dhuinn féin. 20 Agus thubhairt Samuel ris an t-sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t-olc so uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh o’n Tighearn a leantuinn, ach deanaibh seirbhis do’n Tighearna le’r n-uile chridhe; 21 Agus na tionndaidhibh a thaobh an déigh nithe faoin (6), nach bi chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas (7) iad.) 22 Oir cha tréig an Tighearn a shluagh, air sgàth a mhòr ainme féin; do bhrìgh gu’m bu toil leis an Tighearna bhur deanamh ’nar sluagh dha féin. 23 Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gu’m peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur do urnuigh a dheanamh air bhur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t-slighe mhaith agus cheart. (1) Bedan. (2) Samson. (3) nach brosnaich sibh an Tighearna gu feirg. (4) beo. Eabh. (5) an déigh do’n Tighearna bhur Dia bhi ’na righ agaibh. (6) dhiathan bréige. (7) neo-ni. [TD 117] I. SAMUEL. CAIB. XIII. 24 A mhàin biodh eagal an Tighearn oirbh, agus deanaibh seirbhis dha ann am firinn le bhur n-uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithe a rinn e air bhur son. 25 Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dheanadas, sgriosar araon sibh féin agus bhur righ. CAIB. XIII. BHA Saul deich bliadhna fichead a dh’aois an uair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìoghaich e dà bhliadhna os cionn Israeil. 2 An sin thagh Saul dha féin tri mìle fear do Israel; d’an robh dà mhìle maille re Saul ann an Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille re Ionatan ann an Gibeah Bheniamin: agus a’ chuid eile do’n t-sluagh chuir e gach duine dhiubh dh’ionnsuidh a bhùtha. 3 Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba (1), agus chuala na Philistich sin: agus shéid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h-Eabhruidhich. 4 Agus chual’ Israel uile iomradh gu’n do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu’n robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chéile an déigh Shauil gu Gilgal. 5 Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chéile gu cogadh re h-Israel, deich mìle fichead carbad (2), agus sè mìle marcach, agus sluagh mar an gaineamh a ta air tràigh na fairge thaobh lìonmhoireachd: agus thàinig iad a nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h-airde ’n ear o Bhet-abhen. 6 An uair a chunnaic fir Israeil gu’n robh iad ann an teanntachd, a chionn gu’n do dhlùthaich an armailte (3) riu, an sin dh’fholaich an sluagh iad féin ann an uamhaibh, agus ann an droighnich (4), agus ann an creagaibh, agus ann an daingneachaibh (5), agus ann an slochdaibh. 7 Agus chaidh cuid do na h-Eabhruidhich thar (6) Iordan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fathast ann an Gilgal, agus bha’n sluagh ’na dhéigh uile air chrith. 8 Agus dh’fheith e seachd laithean, gu ruig an t-àm àraidh a shuidhich (7) Samuel: ach cha d’thàinig Samuel gu Gilgal, agus sgapadh an sluagh uaith. 9 Agus thubhairt Saul, Thugaibh a m’ ionnsuidh an so ìobairt-loisgte, agus tabhartasan-sìth. Agus thug e suas an ìobairt-loisgte. 10 Agus co luath as a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel, agus chaidh Saul a mach ’na choinneamh a chum gu’m beannaicheadh e dha. 11 Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gu’m faca mi gu’n robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach d’thàinig thu ’n taobh a stigh do’n (1) Gibeah. (2) tri mìle carbad. (3) sluagh an naimhdean. (4) dùslainnibh. (5) tùraibh, ionadaibh arda. (6) thair, thairis air. (7) thubhairt. Eabh. [TD 118] I. SAMUEL. CAIB. XIV. àm shuidhichte, agus gu’n do chruinnich na Philistich iad féin an ceann a chéile gu Michmas; 12 Uime sin thubhairt mi, A nis thig na Philistich a nuas orm gu Gilgal, agus cha do chuir mi athchuinge dh’ionnsuidh an Tighearna: rinn mi éigin uime sin orm féin (1), agus thug mi suas an ìobairt-loisgte. 13 Agus thubhairt Samuel re Saul, Rinn thu gu h-amaideach; cha do ghléidh thu àithne an Tighearna do Dhé, a dh’àithn e dhuit: oir a nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth. 14 Ach a nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha féin duine a réir a chridhe féin, agus dh’àithn an Tighearna dha bhi ’na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghléidh thusa an ni a dh’àithn an Tighearna dhuit. 15 Agus dh’éirich Samuel (2), agus chaidh e suas o Ghilgal gu Gibeah Bheniamin: agus dh’àireamh Saul an sluagh a bha làthair (3) maille ris, mu thimchioll sè ceud fear. 16 Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniamin; ach champaich na Philistich ann am Michmas. 17 Agus thàinig an luchd-millidh (4) a mach a camp nam Philisteach ’nan tri chuideachdaibh: thionndaidh aon chuideachd dhiubh do’n t-slighe dh’ionnsuidh Ophrah, gu tìr Shauil: 18 Agus thionndaidh cuideachd eile do’n t-slighe dh’ionnsuidh Bhet-horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ’g amharc re gleann Sheboim a dh’ionnsuidh an fhàsaich. 19 A nis cha d’fhuaradh gobha ann an tìr Israeil uile: (oir thubhairt na Philistich, Air eagal gu’n dean na h-Eabhruidhich dhoibh féin cloidhean no sleaghan:) 20 Uime sin chaidh na h-Israelich uile sìos a dh’ionnsuidh nam Philisteach, gach duine a gheurachadh a shuic, agus a chaibe, agus a thuaighe, agus a phicoid. 21 Gidheadh bha eighe (5) aca air son nam picoidean, agus air son nan soc, agus air son nan tri-mheurach (6), agus air son nan tuaghan, agus a gheurachadh nam bior. 22 Mar sin thachair e ann an la a’ chatha, nach d’fhuaradh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith do’n t-sluagh, a bha maille re Saul agus Ionatan: ach fhuaradh aig Saul agus aig a mhac Ionatan. 23 Agus chaidh freiceadan nam Philisteach a mach gu bealach (7) Mhichmais. CAIB. XIV. A NIS air la àraidh thubhairt Ionatan mac Shauil ris an òganach a dh’iomchair (8) airm, Thig, agus rachamaid thairis gu freiceadan nam Philisteach, a tha air an taobh thall: ach cha d’innis e d’a athair. 2 Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide mach do (1) ghabh mi misneach. (2) Saul. (3) a fhuaradh. Eabh. (4) luchd-creiche. (5) lìobhan; file. Sasg. (6) nan gabhal; forks, tridents. Sasg. (7) slighe chumhaing; dol thairis. Eabh. (8) ghiùlain. [TD 119] I. SAMUEL. CAIB. XIV. Ghibeah, fuidh chraoibh pomgranait, a tha ann am Migron: agus bha’n sluagh a bha maille ris mu thimchioll sè ceud fear. 3 Agus bha Ahiah mac Ahituib, bhràthar Ichaboid, mhic Phinehais, mhic Eli sagairt an Tighearn ann an Siloh, ag iomchar ephoid. Ach cha robh fios aig an t-sluagh gu’n d’fhalbh Ionatan. 4 Agus eadar na bealaichean, air an d’iarr Ionatan dol thairis a dh’ionnsuidh freiceadain nam Philisteach, bha creag gheur (1) air an taobh, agus creag gheur air an taobh eile: agus b’e ainm creige dhiubh Boses, agus ainm na creige eile Seneh. 5 Bha suidheachadh creige dhiubh o thuath (2) fa chomhair Mhichmais, agus suidheachadh na creige eile o dheas fa chomhair Ghibeah. 6 Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsuidh freiceadain nan daoine neo-thimchiollghearrta ud: theagamh gu’n oibrich an Tighearn air ar son; oir cha ’n’eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan. 7 Agus thubhairt fear iomchair arm ris, Dean gach ni a th’ann ad chridhe: tionndaidh thu féin (3); feuch, tha mise maille riut a réir do chridhe. 8 An sin thubhairt Ionatan, Feuch, théid sinn thairis a dh’ionnsuidh nan daoine ud, agus nochdaidh sinn sinn féin doibh. 9 Ma their iad mar so ruinn, Fanaibh gus an d’thig sinn d’ar n-ionnsuidh; an sin seasaidh sinne ’nar n-àite, agus cha d’théid sinn suas d’an ionnsuidh. 10 Agus ma their iad mar so, Thigibh a nìos d’ar n-ionnsuidh-ne; an sin théid sinn suas, oir thug an Tighearna thairis iad d’ar làimh: agus bithidh so ’na chomhara dhuinn. 11 Agus nochd iad le chéile iad féin do fhreiceadan nam Philisteach: agus thubhairt na Philistich, Feuch, tha na h-Eabhruidhich a’ teachd a mach as na tollaibh (4), anns an d’fholaich siad iad féin. 12 Agus fhreagair fir an fhreiceadain Ionatan agus fear iomchair arm, agus thubhairt iad, Thigibh a nìos d’ar n-ionnsuidh-ne, agus nochdaidh sinne dhuibh ni. Agus thubhairt Ionatan re fear iomchair arm, Thig a nìos a’m’ dhéigh; oir thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil. 13 Agus chaidh (5) Ionatan suas air a làmhan agus air a chosan, agus fear iomchair arm ’na dhéigh: agus thuit iad roimh Ionatan; agus mharbh fear iomchair arm ’na dhéigh. 14 Agus bha an ceud àr sin a rinn Ionatan agus fear iomchair arm, mu thimchioll fichead fear, an taobh a stigh mar gu’m b’ann do leth-acair fhearainn, a dh’fheudadh cuing dhamh ar ann an là. 15 Agus bha ball-chrith anns an fheachd sa’ mhachair, agus am measg an t-sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh féin, agus chriothnuich (1) scor chreige; fiacail chreige. Eabh. (2) bha aghaidh aon charraige re tuath. (3) imich ge b’e taobh is miann leat. (4) còsaibh, frògaibh. (5) streap, dhìr. [TD 120] I. SAMUEL. CAIB. XIV. an talamh; agus bha i ’na chrith ro-mhòir (1). 16 Agus dh’amhairc luchd-faire Shauil ann an Gibeah Bheniamin; agus feuch, leagh am mòr shluagh as, agus dh’fhalbh iad a’ bualadh sìos (2) a chéile. 17 An sin thubhairt Saul ris an t-sluagh a bha maille ris, Gabhaibh àireamh a nis, agus faicibh cò a dh’fhalbh uainn. Agus an uair a dh’àireamh iad, feuch, cha robh Ionatan agus fear iomchair arm an sin. 18 Agus thubhairt Saul re Ahiah, Thoir an so àirc Dhé; oir bha àirc Dhé san àm sin maille re cloinn Israeil. 19 Agus an uair a bha Saul a’ labhairt ris an t-sagart, chaidh a’ chonghair a bha ann am feachd nam Philisteach air a h-aghaidh, agus mheudaich i: Agus thubhairt Saul ris an t-sagart, Tarruing air a h-ais do làmh. 20 Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad féin an ceann a chéile, agus thàinig iad a dh’ionnsuidh a’ chatha; agus feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh (3) ro-mhòr ann. 21 Agus na h-Eabhruidhich a bha maille ris na Philistich roimhe sin, a chaidh suas maille riu do’n champ o’n tìr m’an cuairt, thionndaidh iadsan mar an ceudna gu bhi leis na h-Israelich, a bha maille re Saul agus Ionatan. 22 Agus an uair a chuala na fir sin uile do Israel, a dh’fholaich iad féin ann an sliabh Ephraim, gu’n do theich na Philistich, dhlùth-lean iadsan mar an ceudna ’nan déigh anns a’ chath. 23 Mar sin shaor an Tighearn Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen. 24 Agus thàinig fir Israeil am fagus (4) air an là sin, agus chuir Saul an sluagh fa mhionnaibh, ag ràdh, Mallaichte gu robh am fear a dh’itheas biadh (3) gu feasgar, a chum gu’n dìolar mi air mo naimhdibh: agus cha do bhlais neach air bith do’n t-sluagh biadh. 25 Agus thàinig an sluagh uile (6) gu coille, agus bha mil air aghaidh na machrach. 26 Agus an uair a thàinig an sluagh do’n choille, feuch shil a’ mhil sìos, ach cha do chuir duine sam bith a làmh a dh’ionnsuidh a bheoil; oir bha eagal nam mionnan air an t-sluagh. 27 Ach cha chuala Ionatan an uair a chuir athair an sluagh fuidh na mionnaibh: uime sin shìn e mach bàrr na slait a bha ’na làimh, agus thum e i ann an cìr mheala, agus chuir (7) e a làmh gu bheul, agus fhoillsicheadh (8) a shùilean. 28 An sin fhreagair fear do’n t-sluagh, agus thubhairt e, Chuir t’athair an sluagh fuidh mhionnaibh teann, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine a dh’itheas biadh an diugh. Agus bha’n sluagh air fannachadh. 29 An sin thubhairt Ionatan, Chuir m’athair an tìr fa bhuaireas: faicibh, guidheam oirbh, cionnus a ta mo shùilean air an (1) ’na crith Dhé. Eabh. (2) an so agus an sin. (3) dioghbhail, sgrios. (4) bha fir Israeil ann an airc. (5) aran. Eabh. (6) uile shluagh na tìre. (7) phill, thionndaidh. Eabh. (8) chunnaic. [TD 121] I. SAMUEL. CAIB. XIV. foillseachadh, do bhrìgh gu’n do bhlais mi beagan do’n mhil so. 30 Cia mò gu mòr, nam biodh an sluagh air itheadh gu saor an diugh do chreich an naimhdean, a fhuair iad? oir nach bitheadh a nis àr ni bu mhò am measg nam Philisteach? 31 Agus bhuail iad air an là sin na Philistich o Mhichmas gu Aialon: agus bha ’n sluagh air fannachadh gu mòr. 32 Agus leum an sluagh air a’ chreich, agus ghabh iad caoraich agus buar, agus laoigh, agus mharbh iad air an talamh iad: agus dh’ith an sluagh iad leis an fhuil. 33 Agus dh’innis iad do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha’n sluagh a’ peacachadh an aghaidh an Tighearna, le itheadh maille ris an fhuil (1). Agus thubhairt esan, Pheacaich sibh: caruichibh a m’ ionnsuidh an diugh clach mhòr (2). 34 Agus thubhairt Saul, Sgaoilibh sibh féin am measg an t-sluaigh, agus abraibh riu, Thugaibh a m’ ionnsuidh an so gach duine a mhart (3), agus gach duine a chaora, agus marbhaibh iad an so agus ithibh; agus na peacaichibh an aghaidh an Tighearna le itheadh maille ris an fhuil. Agus thug an sluagh uile gach duine a mhart leis (4) air an oidhche sin, agus mharbh iad an sin iad. 35 Agus thog Saul altair do’n Tighearna, B’i sin a’ cheud altair a thog e (5) do’n Tighearna. 36 Agus thubhairt Saul, Rachamaid sìos an déigh nam Philisteach san oidhche, agus creachamaid iad gu solus na maidne, agus na fàgamaid fear dhiubh. Agus thubhairt iadsan, Dean gach ni a’s maith leat (6). An sin thubhairt an sagart, Thigeamaid am fagus an so dh’ionnsuidh Dhé. 37 Agus dh’iarr Saul comhairle air Dia, An d’théid mi sìos an déigh nam Philisteach? an d’thoir thu thairis iad do làimh Israeil? ach cha do fhreagair se e air an là sin. 38 Agus thubhairt Saul, Thigibh am fagus an so, sibhse uile mhaithean (7) an t-sluaigh, agus biodh fios agaibh, agus faicibh, c’àit an robh am peacadh so an diugh. 39 Oir mar is beo an Tighearna, a shaor Israel, ge do robh e ann mo mhac Ionatan, gu cinnteach gheibh e bàs. Ach cha do fhreagair duine e do’n t-sluagh uile. 40 An sin thubhairt e re h-Israel uile, Bithibhse air aon taobh, agus bithidh mise agus mo mhac Ionatan air an taobh eile. Agus thubhairt an sluagh re Saul, Dean an ni a’s maith leat. 41 Uime sin thubhairt Saul ris an Tighearna Dia Israeil, Thoir seachad crannchur cothromach (8). Agus ghabhadh Saul agus Ionatan; ach chaidh an sluagh as. 42 Agus thubhairt Saul, Tilgibh crannchur eadar mise agus mo mhac Ionatan. Agus ghabhadh Ionatan. 43 An sin thubhairt Saul re Ionatan, Innis dhomh ciod a rinn thu. Agus dh’innis Iona- (1) air an fhuil. Eabh. (2) i. e. chum altarach. (3) a tharbh. (4) ’na làimh. Eabh. (5) I sin thòisich e r’a togail mar altair. Eabh. (6) a’d’ shùilibh. Eabh. (7) oisinnean. (8) Tumim. Eabh. [TD 122] I. SAMUEL. CAIB. XV. tan da, agus thubhairt e, Gu deimhin le bàrr na slait a bha a’m’ làimh, bhlais mi beagan meala; agus feuch, am faigh mi bàs? 44 Agus thubhairt Saul, Gu’n deanadh Dia mar sin, agus tuille mar an ceudna: oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain (1). 45 Agus thubhairt an sluagh re Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’oibrich an t-saorsa mhòr so ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar is beo an Tighearna, cha tuit aon ròineag (2) do fholt a chinn gu làr; oir maille re Dia dh’oibrich e an diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs. 46 An sin chaidh Saul suas o leantuinn nam Philisteach: agus dh’fhalbh na Philistich d’an àite féin. 47 Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhde gu léir, an aghaidh Mhoaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh righre Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach; agus ge b’e taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad (3). 48 Agus thog e sluagh, agus bhuail e na h-Amalecich, agus shaor e Israel as làimh na muinntir a bha ’gam milleadh (4). 49 A nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchisua: agus b’iad so ainmean a dhithis nighean; ainm na ceud-ghin Merab, agus ainm na h-ighinn a b’òige Michal. 50 Agus b’e ainm mnà Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannaird a shluaigh Abner mac Ner, bràthair-athar Shauil. 51 Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil. 52 Agus bha cogadh dian an aghaidh nam Philisteach rè uile laithean Shauil: agus an uair a chitheadh Saul fear làidir sam bith, no fear treun sam bith, ghabhadh (5) e d’a ionnsuidh e. CAIB. XV. AGUS thubhairt Samuel re Saul, Chuir an Tighearna mi gu thusa ungadh a’d’ righ os cionn a shluaigh, os cionn Israeil: a nis uime sin éisd re briathraibh (6) an Tighearna. 2 Mar so tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam (7) ciod a rinn na h-Amalecich air na h-Israelich, cionnus a chuir iad ’nan aghaidh san t-slighe ’nuair a thàinig iad a nìos as an Eiphit. 3 A nis falbh, agus buail na h-Amalecich, agus sgrios (8) gu tur gach ni a th’aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran (9), damh agus caora, càmhal agus asal. 4 Agus chruinnich Saul an sluagh an ceann a chéile, agus dh’àireamh e iad ann an Telaim, dà cheud mìle coisiche, agus deich mìle fear do Iudah. 5 Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall-fholach anns a’ ghleann (10). (1) bàsaichidh Ionatan. (2) fhuiltean. (3) bhuin e riu mar dhaoine ciontach. (4) ’gam fàsachadh, ’gan dìtheachadh. (5) chruinnicheadh. Eabh. (6) guth bhriathran. Eabh. (7) Tha e ann am bheachd. (8) sgriosaibh. Eabh. (9) naoidhean na cìche. (10) agus chaidh e sìos do’n ghleann. [TD 123] I. SAMUEL. CAIB. XV. 6 Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh as so, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gu’n sgrios mi sibh maille riu; oir nochd sibhse caoimhneas do chloinn Israeil uile ’nuair a thàinig iad a nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach. 7 Agus bhuail Saul na h-Amalecich o Habhilah, gus an d’thig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h-Eiphit. 8 Agus ghlac e Agag righ nan Amaleceach beo, agus sgrios e ’n sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh. 9 Ach chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fhearr do na caoraich, agus do’n bhuar, agus do na beathaichibh reamhra, agus do na h-uanaibh, agus do gach ni a bha maith, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach ni a bha tàireil agus suarrach (1), sin sgrios iad gu tur. 10 An sin thàinig focal an Tighearna dh’ionnsuidh Shamueil, ag ràdh, 11 Is aithreach leam gu’n d’rinn mi Saul ’na righ, oir thionndaidh e air ais o m’ leantuinn, agus cha do choi’-lion e m’àitheanta (2). Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h-oidhche. 12 Agus an uair a dh’éirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil sa’ mhaduinn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus feuch, chuir e suas dha féin clach-chuimhneachain (3) agus dh’imich e m’an cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal. 13 Agus thàinig Samuel gu Saul; agus thubhairt Saul ris, Beannaichte gu’n robh thusa o’n Tighearna; choi’-lion mis’ àithne an Tighearna. 14 Agus thubhairt Samuel, Ciod is ciall ma ta do mhèidhlich nan caorach so ann a’m’ chluasaibh, agus do gheumnaich a’ chruidh a tha mi a’ cluinntinn? 15 Agus thubhairt Saul, O na h-Amalecich, thug siad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fhearr do na caoraich, agus do’n bhuar, a chum an ìobradh do’n Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur. 16 An sin thubhairt Samuel re Saul, Fuirich (4), agus innsidh mi dhuit ciod a thubhairt an Tighearna riums’ an nochd. Agus thubhairt a ris, Abair romhad. 17 Agus thubhairt Samuel, An uair a bha thu beag a’d’ shùilibh féin, nach d’rinneadh thu a’d’ cheann air treubhaibh Israeil? agus dh’ung an Tighearn thu a’d’ righ os cionn Israeil. 18 Agus chuir an Tighearn thu air thurus, agus thubhairt e, Falbh, agus sgrios gu tur na peacaich na h-Amalecich, agus cog ’nan aghaidh gus an cuir thu (5) as doibh. 19 C’ar son ma ta nach d’éisd thu re guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich (6), agus a rinn thu olc ann an sùilibh an Tighearna? (1) seargta. (2) mo bhriathra. Eabh. (3) àite; làmh. Eabh. (4) Leig dhomh. (5) sibh. (6) a thionndaidh thu dh’ionnsuidh na creiche. [TD 124] I. SAMUEL. CAIB. XV. 20 Agus thubhairt Saul re Samuel, Seadh, dh’éisd mi re guth an Tighearna, agus dh’imich mi air an t-slighe air an do chuir an Tighearna mi, agus thug mi leam Agag righ Amaleic, agus sgrios mi gu tur na h-Amalecich. 21 Ach ghabh an sluagh do’n chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithe bu chòir a bhi air an sgrios gu tur, a chum an ìobradh do’n Tighearna do Dhia ann an Gilgal. 22 Agus thubhairt Samuel, Am bheil tlachd aig an Tighearn ann an tabhartasaibh-loisgte agus an ìobairtibh, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fearr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheacha. 23 Oir mar pheacadh na druidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd ìodhol-aoraidh (2) tha rag-mhuineileachd (3): a chionn gu’n do chuir thusa cùl re (4) focal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhi d’ righ. 24 Agus thubhairt Saul re Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna, agus do bhriathra-sa; a chionn gu’n robh eagal orm roimh ’n t-sluagh, agus gu’n d’éisd mi r’an guth. 25 A nis uime sin, guidheam ort, lagh mo pheacadh, agus pill maille rium, a chum as gu’n dean mi aoradh do’n Tighearna. 26 Agus thubhairt Samuel re Saul, Cha phill mi maille riut; oir chuir thu cùl re focal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhi d’righ air Israel. 27 Agus an uair a thionndaidh Samuel m’an cuairt gu falbh, rug e air oir fhalluinne, agus reubadh i. 28 Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìot-sa an diugh, agus thug e i do d’ choimhearsnach, a’s fearr na thusa. 29 Agus mar an ceudna cha dean Neart (5) Israeil breug, agus cha ghabh e aithreachas; oir cha duine e gu’n gabhadh e aithreachas. 30 An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianuis sheanairean mo shluaigh, agus am fianuis Israeil, agus pill maille rium, a chum as gu’n dean mi aoradh do’n Tighearna do Dhia. 31 Agus phill Samuel an déigh Shauil, agus rinn Saul aoradh do’n Tighearna. 32 An sin thubhairt Samuel, Thugaibh an so a’m’ ionnsuidh-sa Agag righ nan Amaleceach: agus thàinig Agag d’a ionnsuidh gu suilbhir (6). Agus thubhairt Agag, Gu cinnteach chaidh searbhas (7) a’ bhàis seachad. 33 Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnài gu’n chlann (8), mar sin bithidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa’near Agag a ghearradh sìos ’na mhìribh am fianuis an Tighearn ann an Gilgal. 34 An sin dh’imich Samuel gu Ramah, agus chaidh Saul (1) roghadh. (2) aingidheachd agus ìodhol-aoradh. (3) reasgachd, dùiread. (4) gu’n d’rinn thu dìmeas air. (5) Buaidh, Aon siorruidh. (6) o gheimhlibh. (7) searbhadas, seirbhe. (8) chloinn. [TD 125] I. SAMUEL. CAIB. XVI. suas d’a thigh gu Gibeah Shauil. 35 Agus cha d’thàinig Samuel tuilleadh a dh’fhaicinn Shauil gu latha a’ bhàis; gidheadh, rinn Samuel bròn air son Shauil: agus b’aithreach leis an Tighearna gu’n d’rinn e Saul ’na righ air Israel. CAIB. XVI. AGUS thubhairt an Tighearn re Samuel, Cia fhad a ni thu bròn air son Shauil, agus gu’n do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? lìon do chorn (1) le h-oladh, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi mach (2) am measg a chuid mac righ dhomh féin. 2 Agus thubhairt Samuel, Cionnus a dh’fhalbhas mi? oir cluinnidh Saul, agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt an Tighearna, Thoir agh leat, agus abair, A dh’ìobradh do’n Tighearna thàinig mi. 3 Agus gairm air Iese dh’ionnsuidh na h-ìobairt, agus bheir mise fios dhuit ciod a ni thu: agus ungaidh tu dhomhsa esan a dh’ainmicheas mi dhuit. 4 Agus rinn Samuel an ni sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnuich seanairean a’ bhaile r’a theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu teachd? 5 Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh do’n Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh féin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsuidh na h-ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsuidh na h-ìobairte. 6 Agus an uair a thàinig iad, dh’amhairc e air Eliab, agus thubhairt e, Gu cinnteach am fianuis an Tighearna tha aon ungta-san. 7 Ach thubhairt an Tighearna re Samuel, Na h-amhairc air a ghnùis, no air airde a phearsa, a chionn gu’n do chuir mise cùl ris; oir cha’n fhaic an Tighearna (3) mar a chi duine: oir amhaircidh an duine air coslas an taobh a muigh (4), ach amhaircidh an Tighearna steach air a’ chridhe. 8 An sin ghairm Iese air Abinadab, agus thug e air gabhail seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt e, Ni mò a thagh an Tighearn e so. 9 An sin thug Iese air Samah dol seachad: agus thubhairt e, Ni mò a thagh an Tighearn e so. 10 An sin thug Iese air seachdnar d’a mhic dol seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt Samuel re Iese, Cha do thagh an Tighearn iad so. 11 Agus thubhairt Samuel re Iese, Am bheil do mhic uile an so? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fathast am mac a’s òige, agus feuch, tha e ag ionaltradh (3) nan caorach. Agus thubhairt Samuel re Iese, Cuir fios air, agus thoir an so e; oir cha suidh sinn sìos (6) gus an d’thig e ’n so. 12 Agus chuir e fios air, agus thug e steach e: a nis bha e ruiteach, agus sgiamhach ’na (1) t’adharc. (2) chunnaic mi. Eabh. (3) oir cha’n fhaic mise. (4) air a ghnùis; air na sùilibh. Eabh. (5) a’ biadhadh, a’ gleidheadh. (6) i. e. mu’n cuairt air a’ bhord. [TD 126] I. SAMUEL. CAIB. XVII. ghnùis (1), agus maiseach re amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e so esan. 13 Agus ghabh Samuel an corn ola, agus dh’ung se e am measg a bhràithrean: agus thuirling spiorad an Tighearn air Daibhidh, o’n la sin a mach. Agus dh’éirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah. 14 Ach dh’fhalbh spiorad an Tighearn o Shaul, agus chuir droch spiorad o’n Tighearna buaireas (2) air. 15 Agus thubhairt seirbhisich Shauil ris, Feuch a nis, tha droch spiorad o Dhia a’ cur buaireis ort. 16 Thugadh a nis ar tighearn àithne do d’ sheirbhisich a tha ann ad’ fhianuis, gu’n iarr iad a mach duine a chluicheas (3) gu h-ealanta air clàrsaich: agus an uair a bhios an droch spiorad o Dhia ort, an sin chluichidh esan le a làimh, agus bithidh tusa gu maith. 17 Agus thubhairt Saul r’a sheirbhisich, Faighibh a nis dhomh duine a chluicheas gu maith, agus thugaibh a m’ ionnsuidh e. 18 An sin fhreagair aon do na h-òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h-ealanta (4), agus a tha treun ann an neart, agus ’na fhear cogaidh, agus glic ann an gnothuichibh (5), agus ’na dhuine maiseach; agus tha ’n Tighearna maille ris. 19 Uime sin chuir Saul teachdairean a dh’ionnsuidh Iese, agus thubhairt e, Cuir a m’ ionnsuidh Daibhidh do mhac, a tha maille ris na caoraich. 20 Agus ghabh Iese asal luchdaichte le h-aran (6), agus searrag fhìona, agus meann do na gabhraibh, agus chuir e iad le làimh Dhaibhidh a mhic a dh’ionnsuidh Shauil. 21 Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsuidh Shauil, agus sheas e ’na fhianuis; agus ghràdhaich e gu mòr e, agus bha e aige ’na fhear iomchair arm. 22 Agus chuir Saul teachdaire dh’ionnsuidh Iese, ag ràdh, Seasadh, guidheam ort, Daibhidh a’m’ fhianuis; oir fhuair e deagh-ghean a’m’ shùilibh (7). 23 Agus an uair a bha’n droch spiorad o Dhia air Saul, an sin ghabh Daibhidh clàrsach, agus chluich e le a làimh: agus bha fois (8) aig Saul, agus bha e gu maith; oir dh’fhalbh an droch spiorad uaith. CAIB. XVII. A NIS chruinnich na Philistich an slòigh an ceann a chéile gu cath, agus chruinnicheadh iad aig Sochoh, a bhuineas do Iudah; agus champaich iad eadar Sochoh agus Asecah, ann an Ephesdamim (9). 2 Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chéile, agus champaich iad ann an gleann Elah (10), agus chuir iad air cath an ordugh (11) an aghaidh nam Philisteach. 3 Agus sheas na Philistich air sliabh air aon taobh, agus sheas (1) sùilean àluinn aige. Eabh. (2) dragh, uamhann. (3) sheinneas. (4) a tha eòlach air cluicheadh. (5) am focal, an comhairle. (6) homer arain. (7) is taitneach leam e. (8) fèith, anail, lasachadh. (9) ann an crìch Dhamim. (10) gleann an daraich. (11) eagar. [TD 127] I. SAMUEL. CAIB. XVII. Israel air sliabh air an taobh eile: agus bha gleann eatorra. 4 Agus thàinig curaidh (1) a mach a camp nam Philisteach, d’am b’ainm Goliath o Ghat, anns an robh sè (2) làmhan-coille agus réis air airde. 5 Agus bha clogaid (3) umha air a cheann, agus bha e air éideadh le lùirich mhàilich (4): agus b’e cothrom na lùiriche cùig mìle secel umha. 6 Agus bha coisbheirt (5) umha air a chosaibh, agus targaid (6) umha eadar a ghuaillibh. 7 Agus bha crann a shleagha mar gharmain (7) figheadair, agus bha ann an ceann a shleagha sè ceud secel iaruinn: agus bha fear a’ giùlan sgéithe ag imeachd roimhe. 8 Agus sheas e, agus ghlaodh e re slòigh (8) Israeil, agus thubhairt e riu, C’ar son a tha sibh a’ teachd a mach gu’r cath a chur an ordugh? Nach Philisteach mise, agus nach seirbhisich sibhse do Shaul? taghaibh dhuibh féin fear, agus thigeadh e nuas a m’ ionnsuidh-sa. 9 Ma’s urrainn e còmhrag riumsa, agus ma mharbhas e mi, an sin bithidh sinne ’nar seirbhisich agaibhse; ach ma bheir mise buaidh air-san, agus gu marbh mi e, an sin bithidh sibhse ’nar seirbhisich againne, agus ni sibh seirbhis dhuinn. 10 Agus thubhairt am Philisteach, Tha mi toirt dùbhlain do shlòigh Israeil an diugh; faighibh dhomhsa fear, a chum gu’n dean sinn còmhrag re chéile. 11 An uair a chuala Saul agus Israel uile briathra sin an Philistich, bha iad fa uamhas, agus fa eagal mòr. 12 [A nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iudah, d’am b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige: agus bha an duine ann an laithibh Shauil ’na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois (9). 13 Agus dh’imich an triuir mhac bu shine aig Iese, agus chaidh iad an déigh Shauil a chum a’ chogaidh; agus b’iad ainmean a thriuir mhac a chaidh dh’ionnsuidh a’ chogaidh, Eliab an ceud-ghin, agus ’na dhéigh-san Abinadab, agus an treas mac Samah. 14 Agus b’e Daibhidh am mac a b’òige: agus chaidh an triuir bu shine an déigh Shauil. 15 Ach dh’fhalbh Daibhidh, agus phill e o Shaul, a dh’ionaltradh chaorach athar ann am Betlehem. 16 Agus tharruing am Philisteach am fagus sa’ mhaduinn agus mu fheasgar, agus nochd se e féin dà fhichead là. 17 Agus thubhairt Iese re Daibhidh a mhac, Gabh a nis air son do bhràithrean ephah do’n t-sìol chruaidhichte so, agus na deich builinnean so, agus ruith do’n champ a dh’ionnsuidh do bhràithre; 18 Agus giùlain na deich mulchagan càise so dh’ionnsuidh ceannaird am mìle-san, agus seall cionnus a tha do bhràithrean, agus gabh an geall. 19 A nis bha Saul, agus iadsan, agus fir Israeil uile ann an gleann Elah, a’ cogadh ris na Philistich. (1) fear-còmhraig. (2) ceithir. (3) ceann-bheirt. (4) lùirich lannaich. Eabh. (5) eudanain. (6) sgiath. (7) shail. (8) armailtibh; sreathaibh. Eabh. (9) am measg dhaoine. [TD 128] I. SAMUEL. CAIB. XVII. 20 Agus dh’éirich Daibhidh gu moch sa’ mhaduinn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear-gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e do’n chlais-bhlàir (1) an uair a bha ’n armailt a’ dol a mach a dh’ionnsuidh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a chum a’ chatha: 21 Oir chuir Israel agus na Philistich iad féin an ordugh catha, armailt an aghaidh armailt. 22 Agus dh’fhàg Daibhidh an t-uidheam (2) a chuir e dheth ann an làimh fir-gleidhidh an uidheam, agus ruith e dh’ionnsuidh na h-armailt, agus thàinig e, agus chuir e fàilt air a bhràithribh. 23 Agus an uair a bha e a’ labhairt riu, feuch, thàinig an curaidh d’am b’ainm Goliath, am Philisteach o Ghat, a nìos a armailt (3) nam Philisteach, agus labhair e a réir nam briathra ceudna: agus chuala Daibhidh iad. 24 Agus an uair a chunnaic fir Israeil uile an duine, theich iad roimhe, agus bha eagal mòr orra. 25 Agus thubhairt fir Israeil (4), Am faca sibh am fear so a tha air teachd a nìos? gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel (5) a tha e air teachd a nìos: agus ge b’e fear a mharbhas e, ni an righ saibhir e le mòr shaibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus ni e tigh athar saor ann an Israel. 26 Agus thubhairt Daibhidh ris na daoinibh a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear do’n duine a mharbhas am Philisteach so, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? oir cò e am Philisteach neo-thimchiollghearrta so, gu’n d’thugadh e dùbhlan do armailtibh an Dé bheò? 27 Agus fhreagair an sluagh e air an dòigh so, ag ràdh, Mar so nìthear do’n duine a mharbhas e. 28 Agus chuala Eliab a bhràthair bu shine, ’nuair a labhair e ris na daoinibh: agus las fearg Eliaib an aghaidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, C’ar son a thàinig thu nuas an so? agus cò aig a dh’fhàg thu am beagan chaorach sin anns an fhàsach? tha mi fiosrach air t’uabhar agus olcas do chridhe, oir is ann a dh’fhaicinn a’ chatha a thàinig thu nuas. 29 Agus thubhairt Daibhidh, Ciod a rinn mi a nis? nach briathran iad (6)? 30 Agus thionndaidh e uaith-san a dh’ionnsuidh fir eile, agus labhair e air an dòigh cheudna: agus fhreagair an sluagh e a rìs a réir na ceud dòigh. 31 Agus an uair a chualas na briathran a labhair Daibhidh, dh’aithris iad am fianuis Shauil iad: agus chuir e fios air (7).] 32 Agus thubhairt Daibhidh re Saul, Na fannaicheadh cridhe duine sam bith air a shon-san: théid do sheirbhiseach agus cogaidh e ris an Philisteach so. 33 Agus thubhairt Saul re Daibhidh, Cha’n urrainn thusa dol an aghaidh an Philistich so a chogadh ris: oir cha’n’eil ann- (1) chlais-dhìonaidh, daingneach; trench. Sasg. (2) na thug e leis. (3) slòigh. (4) duine do Israel. (5) a mhaslachadh Israeil. (6) nach ’eil aobhar ann? (7) ghabh se e. Eabh. [TD 129] I. SAMUEL. CAIB. XVII. adsa ach òganach, agus tha esan ’na fhear cogaidh o òige. 34 Agus thubhairt Daibhidh re Saul, Bha do sheirbhiseach ag ionaltradh chaorach athar, agus thàinig leòmhan, agus mathghamhuin, agus thug e uan as an treud: 35 Agus chaidh mi mach ’na dhéigh, agus bhuail mi e, agus shaor mi as a bheul e. Agus an uair a dh’éirich e a’m’ aghaidh, rug mi air fheusaig air, agus bhuail mi e, agus mharbh mi e. 36 Araon an leòmhan agus am mathghamhuin mharbh do sheirbhiseach: agus bithidh am Philisteach neo-thimchiollghearrta so mar aon diubhsan, do bhrìgh gu’n d’thug e dùbhlan do armailtibh an Dé bheò. 37 Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearn a shaor mise a màg (1) an leòmhain, agus a màg a’ mhathghamhuin, saoraidh esan mi a làimh an Philistich so. Agus thubhairt Saul re Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut. 38 Agus chuir Saul éididh féin air Daibhidh, agus chuir e clogaid umha air a cheann; mar an ceudna chuir e lùireach air. 39 Agus chrioslaich Daibhidh a chlaidheamh air uachdar éididh, agus b’àill leis (2) imeachd, oir cha do chleachd e iad: agus thubhairt Daibhidh re Saul, Cha’n urrainn mi imeachd leo so, oir cha do chleachd mi iad. Agus chuir Daibhidh dheth iad. 40 Agus ghabh e a bhata ’na làimh, agus thagh e dha féin cùig clacha mìne o’n t-sruth, agus chuir e iad ann am màla buachaille (3) a bha aige, eadhon ann an sporran, agus bha a chrann-tàbhuill ’na làimh: agus tharruing e ’m fagus do’n Philisteach. 41 Agus thàinig am Philisteach air aghaidh, agus tharruing e ’m fagus do Dhaibhidh; agus fear iomchair a sgéithe roimhe. 42 Agus an uair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu’n robh e ’na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach ’na ghnùis. 43 Agus thubhairt am Philisteach re Daibhidh, An cù mise, gu’n d’thigeadh tu a m’ ionnsuidh le bataibh? agus mhallaich am Philisteach Daibhidh ann an ainm a dhée (4). 44 Agus thubhairt am Philisteach re Daibhidh, Thig a m’ ionnsuidh-sa, agus bheir mi t’fheoil do eunlaith an athair, agus do bheathaichibh na macharach. 45 An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd a m’ ionnsuidh-sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgéith; ach tha mise a’ teachd a d’ ionnsuidh-sa ann an ainm Thighearna nan sluagh, Dhé armailtean Israeil, d’an d’thug thusa dùbhlan. 46 Air an la ’n diugh bheir an Tighearna thairis thu do m’ làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean fheachd nam Philisteach air an la ’n diugh do eunlaith an athair, agus do fhiadh-bheath- (1) cròdh; làimh. Eabh. (2) dh’fheuch e re. (3) aodhaire. (4) le dhéibh. [TD 130] I. SAMUEL. CAIB. XVIII. aichibh na talmhainn; a chum gu’m bi fios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel (1). 47 Agus bithidh fios aig a’ choi’-thional so uile, nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearn an cath, agus bheir e sibhse d’ar làimh-ne. 48 Agus an uair a dh’éirich am Philisteach, agus a thàinig e agus a tharruing e ’m fagus an coinneamh Dhaibhidh, an sin rinn Daibhidh cabhag, agus ruith e dh’ionnsuidh na h-armailt an coinneamh an Philistich. 49 Agus chuir Daibhidh a làmh ’na mhàla, agus ghabh e as sin clach, agus thilg e i as a chrann-tàbhuill, agus bhuail e ’m Philisteach an clàr eudain: agus chaidh a’ chlach a stigh (2) ann an clàr eudain, agus thuit e air aghaidh dh’ionnsuidh an làir. 50 Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhuill agus le cloich; agus bhuail e ’m Philisteach, agus mharbh se e: ach cha robh claidheamh ann an làimh Dhaibhidh. 51 Uime sin ruith Daibhidh agus sheas e air an Philisteach, agus ghlac e a chlaidheamh, agus tharruing e as a thruaill e, agus mharbh se e, agus ghearr e dheth a cheann leis. Agus an uair a chunnaic na Philistich gu’n robh an gaisgeach marbh, theich iad. 52 Agus dh’éirich fir Israeil agus Iudah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an d’thig thu gu gleann, agus gu geataichibh Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònta do na Philistich air an t-slighe gu Saraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron. 53 Agus phill clann Israeil o ruagadh nam Philisteach, agus chreach iad an camp (3). 54 Agus ghabh Daibhidh ceann an Philistich, agus thug e leis e gu h-Ierusalem: ach chuir e armachd ’na bhùth. 55 Agus an uair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e re Abner ceannard an t-sluaigh, Abneir, cò d’am mac an t-òganach so? Agus thubhairt Abner, Mar is beo t’anam, O a righ, cha ’n’eil fhios agam. 56 Agus thubhairt an righ, Feòraich (4) thusa cò d’am mac an t-òganach so. 57 Agus an uair a phill Daibhidh o mharbhadh an Philistich, ghabh Abner e, agus thug e ’m fianuis Shauil e, le ceann an Philistich ’na làimh. 58 Agus thubhairt Saul ris, Cò d’am mac thu, òganaich? Agus fhreagair Daibhidh, Is mi mac do sheirbhisich Iese, a’ Bhetlehemich. CAIB. XVIII. AGUS tharladh an uair a chuir e crìoch air labhairt re Saul, gu’n do cheangladh anam Ionatain re anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar anam féin. 2 Agus ghabh Saul d’a ionnsuidh e air an là sin, agus cha do leig e leis pilltinn ni’s mò gu tigh athar. (1) aig Israel. (2) an sàs. (3) am bùthan. (4) Fiosraich. [TD 131] I. SAMUEL. CAIB. XVIII. 3 An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coi’-cheangal, do bhrìgh gu’n do ghràdhaich se e mar anam féin. 4 Agus chuir Ionatan dheth féin an fhalluinn (1) a bh’air, agus thug e do Dhaibhidh i, agus éididh eadhon gu chlaidheamh, agus gu bhogha, agus gu chrios. 5 Agus chaidh Daibhidh mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain se e féin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilibh an t-sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilibh sheirbhiseach Shauil. 6 Agus an uair a bha iad a’ teachd, an déigh do Dhaibhidh pilltinn o mharbhadh an Philistich, thàinig na mnài a mach a uile bhailtibh Israeil, a’ seinn agus a’ dannsadh an coinneamh righ Shauil, le tiompanaibh, le gairdeachas, agus le h-innealaibh ciuil tri-theudach. 7 Agus fhreagair na mnài a chéile an uair a bha iad a’ seinn, agus thubhairt iad, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean. 8 Agus bha Saul ro-fheargach, agus mhi-thaitinn an ràdh sin ris (2), agus thubhairt e, Thug iad do Dhaibhidh deich mìlte, agus dhomhsa cha d’thug iad ach mìlte: agus ciod tuille dh’fheudas bhi aige ach an rìoghachd? 9 Agus chum Saul sùil (3) air Daibhidh o’n là sin, agus o sin a mach. 10 Agus air an la màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd (4) ann am meadhon an tighe: agus chluich (5) Daibhidh le a làimh, mar air uairibh (6) eile; agus bha sleagh ann an làimh Shauil. 11 Agus thilg Saul an t-sleagh, agus thubhairt e, Buailidh mi Daibhidh leatha gu ruig am balla: ach tharruing Daibhidh as a làthair dà uair. 12 Agus bha eagal air Saul roimh Dhaibhidh (7), do bhrìgh gu’n robh an Tighearna maille ris, agus gu’n d’imich e o Shaul. 13 Uime sin chuir Saul air falbh uaith e, agus rinn e ’na cheannard dha féin os cionn mìle e; agus chaidh e mach, agus thàinig e stigh roimh’n t-sluagh (8). 14 Agus ghiùlain Daibhidh e féin gu glic ’na shlighibh uile; agus bha ’n Tighearna maille ris. 15 Agus an uair a chunnaic Saul gu’n do ghiùlain se e féin gu ro-ghlic, bha eagal air roimhe. 16 Ach ghràdhaich Israel uile agus Iudah Daibhidh, do bhrìgh gu’n deachaidh e mach agus gu’n d’thàinig e stigh rompa. 17 Agus thubhairt Saul re Daibhidh, Feuch, mo nighean a’s sine Merab, ise bheir mi dhuit ’na mnaoi: a mhàin bi thusa gaisgeil air mo shon-sa, agus cuir cathan an Tighearna: oir thubhairt Saul, Na biodh mo làmh-sa air, ach biodh làmh nam Philisteach air. 18 Agus thubhairt Daibhidh re Saul, Cò mise? agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’a- (1) truscan. (2) bha ’n ràdh sin olc ’na shùilibh. Eabh. (3) sheall Saul gu mi-runach. (4) bha e air boile. (5) bhuail. (6) laithibh. (7) roimh ghnùis Dhaibhidh. Eabh. (8) air ceann an t-sluaigh. [TD 132] I. SAMUEL. CAIB. XIX. thar (1) ann an Israel, gu’m bithinn a’m’ chliamhuin aig an righ? 19 Ach anns an àm sam bu chòir do Mherab nighean Shauil a bhi air a tabhairt do Dhaibhidh, thugadh i do Adriel am Meholatach ’na mnaoi. 20 Agus ghràdhaich Michal, nighean Shauil, Daibhidh; agus dh’innis iad sin do Shaul, agus thaitinn an ni ris (2). 21 Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a chum gu’m bi i dha ’na ribeadh, agus gu’m bi làmh nam Philisteach ’na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul re Daibhidh, Le aon do’n dithis bithidh tu a’d’ chliamhuin agams’ an diugh. 22 Agus dh’àithn Saul d’a sheirbhisich, ag ràdh, Labhraibh re Daibhidh an uaigneas, ag ràdh, Feuch, tha tlachd aig an righ annad, agus tha gràdh aig a sheirbhisich uile dhuit: a nis uime sin bi-sa a’d’ chliamhuin aig an righ. 23 Agus labhair seirbhisich Shauil na briathra so ann an cluasaibh Dhaibhidh: agus thubhairt Daibhidh, An ni faoin ’nar sùilibh-sa bhi ann an cleamhnas re righ, agus nach ’eil annamsa ach duine bochd, agus fa dhìmeas? 24 Agus dh’innis seirbhisich Shauil dha, ag ràdh, Air an dòigh so labhair Daibhidh. 25 Agus thubhairt Saul, Mar so their sibh re Daibhidh, Cha ’n’eil an righ ag iarraidh dubh-araidh (3) sam bith, ach ceud roimh-chroicionn do na Philistich, gu bhi dìolta air naimhdibh an righ. Ach shaoil Saul gu’n d’thugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach. 26 Agus an uair a dh’innis a sheirbhisich do Dhaibhidh na briathra sin, thaitinn e re Daibhidh a bhi ’na chliamhuin aig an righ: agus cha do chrìochnaicheadh (4) na laithean. 27 Uime sin dh’éirich Daibhidh, agus dh’imich e féin agus a dhaoine, agus mharbh e do na Philistich dà cheud fear, agus thug Daibhidh leis an roimh-chroicinn, agus thug iad ’nan làn àireamh iad do’n righ, a chum gu’m biodh e ’na chliamhuin aig an righ: agus thug Saul dha Michal a nighean ’na mnaoi. 28 Agus chunnaic Saul, agus bha fios aige gu’n robh an Tighearna maille re Daibhidh agus gu’n do ghràdhaich Michal nighean Shauil e. 29 Agus bha fathast an tuilleadh eagail air Saul roimh Dhaibhidh; agus bha Saul ’na nàmhaid do Dhaibhidh an còmhnuidh. 30 An sin chaidh ceannardan nam Philisteach a mach: agus an déigh dhoibh dol a mach, ghiùlain Daibhidh e féin ni bu ghlice na uile sheirbhisich Shauil: agus bha ainm ro-urramach. CAIB. XIX. AGUS labhair Saul r’a mhac Ionatan, agus r’a sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Dhaibhidh. 2 Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, (1) ciod i beatha teaghlaich m’athar. (2) bha an ni ceart ’na shùilibh. Eabh. (3) crodh. (4) choi’-lionadh. [TD 133] I. SAMUEL. CAIB. XIX. Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhuit féin sa’ mhaduinn, agus fan ann an àite dìomhair, agus folaich thu féin. 3 Agus théid mise mach, agus seasaidh mi làimh re m’athair sa’ mhachair anns am bi thu, agus labhraidh mi mu d’ thimchioll re m’athair; agus an ni a chi mi, sin innsidh mi dhuit (1). 4 Agus labhair Ionatan maith mu Dhaibhidh r’a athair Saul, agus thubhairt e ris, Na peacaicheadh an righ an aghaidh a sheirbhisich, an aghaidh Dhaibhidh; do bhrìgh nach do pheacaich esan a’d’ aghaidh-sa, agus do bhrìgh gu’n robh oibre do d’ thaobh-sa ro-mhaith: 5 Oir chuir e anam (2) ’na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’oibrich an Tighearna saorsa mhòr air son Israeil uile: chunnaic thu e, agus rinn thu gairdeachas: c’ar son ma ta a pheacaicheas tu an aghaidh fola neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun aobhar? 6 Agus dh’éisd Saul re guth Ionatain; agus mhionnaich Saul, Mar is beo an Tighearna, cha mharbhar e. 7 Agus ghairm Ionatan air Daibhidh, agus chuir Ionatan an céill dha na briathra sin uile: agus thug Ionatan Daibhidh a dh’ionnsuidh Shauil, agus bha e ’na fhianuis mar a bha e roimhe. 8 Agus bha cogadh a rìs ann: agus chaidh Daibhidh a mach, agus chog e ris na Philistich, agus bhuail e iad le h-àr mòr; agus theich iad roimhe. 9 Agus bha’n droch spiorad o’n Tighearn air Saul, an uair a shuidh e ’na thigh, agus a shleagh ’na làimh: agus chluich Daibhidh le a làimh. 10 Agus dh’iarr Saul Daibhìdh a bhualadh gu ruig am balladh leis an t-sleagh; ach tharruing e air falbh a làthair Shauil, agus bhuail e ’n t-sleagh a stigh sa’ bhalladh: agus theich Daibhidh, agus chaidh e as air an oidhche sin. 11 Agus chuir Saul teachdairean (3) a dh’ionnsuidh tighe Dhaibhidh, g’a choimhead (4), agus g’a mharbhadh sa’ mhaduinn: agus dh’innis Michal a bhean do Dhaibhidh e, ag ràdh, Mur teasairg thu t’anam an nochd, am màireach cuirear gu bàs thu. 12 Agus leig Michal sìos Daibhidh tre uinneig: agus dh’fhalbh e, agus theich e, agus chaidh e as. 13 Agus ghabh Michal dealbh, agus chuir i san leabaidh e, agus chuir i adhartan (5) do fhionnadh ghabhar f’a cheann, agus chòmhdaich i le eudach e. 14 Agus an uair a chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh, thubhairt i, Tha e tinn. 15 Agus chuir Saul na teachdairean a rìs a dh’fhaicinn Dhaibhidh, ag ràdh, Thugaibh a nìos san leabaidh a m’ ionnsuidhs’ e, a chum gu marbh mi e. 16 Agus an uair a thàinig na teachdairean a stigh, feuch, bha dealbh anns an leabaidh, agus adhartan do fhionnadh ghabhar f’a cheann. 17 Agus thubhairt Saul re (1) chi mi ciod a tha ’na chridhe, no their e, agus innsidh mi dhuit. Eabh. (2) a bheatha. (3) maoir. (4) fhaireadh. (5) cluasag; cebir. Eabh. [TD 134] I. SAMUEL. CAIB. XX. Michal, C’ar son a mheall thu mi mar so, agus a chuir thu air falbh mo nàmhaid, air chor as gu’n deachaidh e as? Agus fhreagair Michal Saul, Thubhairt e rium, Leig dhomh imeachd; c’ar son a mharbhainn thu? 18 Agus theich Daibhidh, agus chaidh e as, agus thàinig e dh’ionnsuidh Shamueil gu Ramah, agus dh’innis e dha gach ni a rinn Saul ris: agus dh’imich esan agus Samuel, agus ghabh iad còmhnuidh ann an Naiot. 19 Agus dh’innseadh do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh aig Naiot ann an Ramah. 20 Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus an uair a chunnaic iad cuideachd (1) nam fàidhean re fàidheadoireachd, agus Samuel ’na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhé air teachdairibh Shauil, agus rinn iadsan fàidheadoireachd mar an ceudna. 21 Agus an uair a dh’innseadh sin do Shaul, chuir e uaith mar an ceudna teachdairean eile; agus rinn iadsan cuideachd (2) fàidheadoireachd. Agus chuir Saul teachdairean a rìs an treas uair, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadoireachd. 22 An sin chaidh e féin mar an ceudna gu Ramah, agus thàinig e gu tobar mòr a tha ann an Sechu, agus dh’fheòraich e, agus thubhairt e, C’àit am bheil Samuel agus Daibhidh? agus thubhairt aon, Feuch, tha iad aig Naiot ann an Ramah. 23 Agus chaidh e ’n sin gu Naiot ann an Ramah: agus bha spiorad Dhé air-san mar an ceudna, agus chaidh e air aghaidh agus rinn e fàidheadoireachd, gus an d’thàinig e gu Naiot ann an Ramah. 24 Agus chuir esan cuideachd eudach dheth, agus rinn e fàidheadoireachd am fianuis Shamueil air an dòigh cheudna: agus luidh (3) e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h-oidhche. Uime sin their iad, Am bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean? CAIB. XX. AGUS theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianuis Ionatain, Ciod a rinn mi? ciod i m’eu-ceart (4), agus ciod e mo pheacadh am fianuis t’athar, gu bheil e ’g iarraidh m’anma? 2 Agus thubhairt esan ris, Nar leigeadh Dia, cha’n fhaigh thu bàs: feuch, cha dean m’athair ni air bith mòr no beag, nach foillsich e dhomhsa: agus c’ar son a dh’fholaicheadh m’athair uamsa an ni so? cha bhi e mar sin. 3 Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig t’athair gu’n d’fhuair mise deagh-ghean a’d’ shùilibh, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air so, air eagal gu’m bi doilgheas air: ach gu deimhin mar is beò an Tighearna, agus mar is beò t’anam, cha ’n’eil ach ceum eadar mise agus am bàs. 4 An sin thubhairt Ionatan re Daibhidh, Ge b’e ni a dh’iarr- (1) co’-chruinneachadh. (2) mar an ceudna. (3) thuit. Eabh. (4) Iochd. [TD 135] I. SAMUEL. CAIB. XX. as t’anam, eadhon sin ni mise dhuit. 5 Agus thubhairt Daibhidh re Ionatan, Feuch, tha a’ ghealach nuadh ann am màireach, agus bu chòir dhomhsa suidhe maille ris an righ gu biadh; ach leig air falbh mi, a chum as gu’m folaich mi mi féin anns a’ mhachair gu feasgar an treas là. 6 Ma dh’ionndraineas t’athair idir mi (1), an sin their thu, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa gu ruith do Bhetlehem a bhaile féin; oir tha ìobairt bhliadhnail (2) an sin air son an teaghlaich uile. 7 Ma their e mar so, Ro-mhaith, bithidh sìth aig do sheirbhiseach: ach ma bhios fearg ro-mhòr air, an sin bi cinnteach gu bheil olc air a shonrachadh leis (3). 8 Uime sin buinidh tu gu caoimhneil re d’ sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coi’-cheangal an Tighearna dheanamh riut: gidheadh, ma ta olc annamsa, marbh féin mi; oir c’ar son a bheireadh tu mi dh’ionnsuidh t’athar? 9 Agus thubhairt Ionatan, Gu ma fada sin uait; oir ma bhitheas fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shonrachadh le m’athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhuit e? 10 An sin thubhairt Daibhidh re Ionatan, Cò dh’innseas dhomh, ma fhreagras t’athair thu gu garg? 11 Agus thubhairt Ionatan re Daibhidh, Thig, agus rachamaid a mach do’n mhachair. Agus chaidh iad a mach le chéile do’n mhachair. 12 Agus thubhairt Ionatan re Daibhidh, Gu’n deanadh an Tighearna Dia Israeil (4), an uair a dh’fhidireas mi m’athair (5) mu’n àm so am màireach, no air an treas là, agus feuch, ma bhios maith ann a thaobh Dhaibhidh, agus nach cuir mi an sin fios a d’ ionnsuidh-sa, agus nach foillsich mi dhuit e; 13 Gu’n deanadh an Tighearna mar sin, agus ni’s ro-mhò re Ionatan: ach ma’s toil le m’athair olc a dheanamh ort, an sin foillsichidh mi dhuit e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille re m’athair-sa. 14 Agus cha’n e mhàin, ma bhios (6) mi fathast beo, gu’n nochd thu dhomh caoimhneas an Tighearna, chum as nach faigh mi bàs: 15 Ach cuideachd cha ghearr thu as do chaoimhneas o m’ thigh gu bràth: cha ghearr, eadhon an uair a ghearras an Tighearn as naimhdean Dhaibhidh, gach aon diubh bhàrr aghaidh na talmhainn. 16 Mar sin rinn Ionatan coi’-cheangal re tigh Dhaibhidh, ag ràdh, Gu’n agradh an Tighearn e eadhon o làimh naimhde Dhaibhidh. 17 Agus thug Ionatan air Daibhidh mionnachadh a rìs, a (1) Ma mhothaicheas t’athair mi air falbh. (2) laithean. Eabh. (3) gu bheil e cur roimhe an uilc; gu bheil olc air a choi’-lionadh leis. Eabh. (4) O Thighearna Dhé Israeil! Tha’n Tighearna Dia Israeil ’na fhianuis. (5) rannsaicheas mi m’athair, ni mi dìchioll air inntinn m’athar fhaotainn a mach. (6) am feadh a ta. [TD 136] I. SAMUEL. CAIB. XX. chionn gu’n do ghràdhaich se e: oir ghràdhaich se e mar a ghràdhaich e anam féin. 18 An sin thubhairt Ionatan ris, Am màireach tha ghealach nuadh ann; agus ionndrainear thu, a chionn gu’m bi d’àite-suidhe falamh. 19 Agus an uair a dh’fhanas tu gus an treas là, théid thu sìos gu grad, agus thig thu dh’ionnsuidh an àite anns an d’fholaich thu thu féin, an uair a bha’n gnothuch (1) an làimh, agus fanaidh tu aig a’ chloich Esel. 20 Agus tilgidh mise tri saighdean r’a taobh, mar gu’n tilginn air comhara. 21 Agus feuch, cuiridh mi òganach uam, ag ràdh, Falbh, faigh a mach na saighdean. Ma their mi gu cinnteach ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh so dhìot, gabh iad (2); an sin thig thufa: oir tha sìth ann dhuit, agus cha ’n’eil olc sam bith, mar is beo an Tighearna. 22 Ach ma their mi mar so ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh thall dìot; imich thusa, oir chuir an Tighearn air falbh thu. 23 Agus a thaobh a’ ghnothuich mu’n do labhair mise agus thusa, feuch, gu robh an Tighearn eadar mise agus thusa gu bràth. 24 Uime sin dh’fholaich Daibhidh e féin anns a’ mhachair: agus an uair a thàinig a’ ghealach nuadh, shuidh an righ sìos gu biadh itheadh. 25 Agus shuidh an righ air a chathair féin, mar air uairibh eile, eadhon air cathair làimh ris a’ bhalladh: agus dh’éirich Ionatan, agus shuidh Abner re taobh Shauil: agus bha àite Dhaibhidh falamh. 26 Gidheadh, cha do labhair Saul a’ bheag sam bith air an là sin; oir thubhairt e leis féin (3), Thàinig ni-eigin air, cha ’n’eil e glan; gu cinnteach cha ’n’eil e glan. 27 Agus thachair air an la màireach, an dara la do’n mhìos, gu’n robh àite Dhaibhidh falamh: agus thubhairt Saul r’a mhac Ionatan, C’ar son nach d’thàinig mac Iese gu biadh, aon chuid an dé no’n diugh? 28 Agus fhreagair Ionatan Saul, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa dol do Bhetlehem: 29 Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, guidheam ort, oir tha ìobairt aig ar teaghlach anns a’ bhaile, agus dh’àithn mo bhràthair dhomh a bhi ’n sin: agus a nis ma fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhràithrean fhaicinn. Uime sin cha d’thàinig e gu bord an righ. 30 An sin las fearg Shauil an aghaidh Ionatain, agus thubhairt e ris, A mhic na mnà crosta ceannaircich (4), nach ’eil fhios agamsa gu’n do thagh thu mac Iese chum do mhaslaidh (5) féin, agus a chum maslaidh lomnochduigh do mhàthar? 31 Oir co fhad ’sa bhios mac Iese beo air an talamh, cha daingnichear thusa, no do rìoghachd: uime sin a nis cuir fios (1) ann an là a’ ghnothuich. Eabh. (2) gabh e. Eabh. (3) shaoil e. (4) A mhic chrosda na ceannairce. (5) t’amhluadh. [TD 137] I. SAMUEL. CAIB. XXI. air, agus thoir a m’ ionnsuidh e, oir gu cinnteach gheibh e bàs (1). 32 Agus fhreagair Ionatan athair Saul, agus thubhairt e, C’ar son a chuirear gu bàs e? ciod a rinn e? 33 Agus thilg Saul sleagh air, chum a bhualadh: le sin bha fios aig Ionatan gu’n robh e suidhichte le athair Daibhidh a chur gu bàs. 34 Uime sin dh’éirich Ionatan o’n bhord ann am feirg ro-mhòir, agus cha d’ith e biadh sam bith air an dara la do’n mhìos: oir bha e fa dhoilgheas air son Dhaibhidh, a chionn gu’n d’thug athair masladh dha. 35 Agus anns a’ mhaduinn chaidh Ionatan a mach do’n mhachair aig an àm a shuidhicheadh re Daibhidh, agus òganach beag maille ris. 36 Agus thubhairt e r’a òganach, Ruith, faigh a nis a mach na saighdean a thilg mi. Agus an uair a ruith an t-òganach, thilg e saighid thairis air. 37 Agus an uair a thàinig an t-òganach gu àite na saighde a thilg Ionatan, ghlaodh Ionatan an déigh an òganaich, agus thubhairt e, Nach ’eil an t-saighid air do thaobh thall? 38 Ghlaodh Ionatan mar an ceudna an déigh an òganaich, Luathaich, dean cabhag, na stad. Agus thionail òganach Ionatain suas na saighdean, agus thàinig e dh’ionnsuidh a mhaighstir. 39 Ach cha robh fios aig an òganach air ni sam bith; bha fios a mhàin aig Daibhidh agus Ionatan air a’ chùis. 40 Agus thug Ionatan armachd d’a òganach, agus thubhairt e ris, Falbh, thoir do’n bhaile iad. 41 Agus co-luath ’sa dh’fhalbh an t-òganach, dh’éirich Daibhidh a àite mu dheas, agus thuit e air aghaidh dh’ionnsuidh na talmhainn, agus chrom se e féin tri uairean: agus phòg iad a chéile, agus ghuil iad le chéile; ach ghuil (2) Daibhidh ni bu mhò. 42 Agus thubhairt Ionatan re Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gu’n do mhionnaich sinn le chéile ann an ainm an Tighearn, ag ràdh, Gu robh an Tighearn eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’éirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan do’n bhaile. CAIB. XXI. AN SIN thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsuidh Ahimeleich an t-sagairt: agus bha eagal air Ahimelech ag coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, C’ar son a tha thu a’d’ aonar, agus nach ’eil duine sam bith maille riut? 2 Agus thubhairt Daibhidh re Ahimelech an sagart, Dh’àithn an righ gnothuch dhomhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a thaobh a’ ghnothuich mu’m bheil mise ’g ad chur uam, agus a dh’àithn mi dhuit: agus dh’orduich mi (3) do m’ òganachaibh dol a dh’ionnsuidh a leithid so agus a leithid sud a dh’àite. 3 A nis uime sin ciod a tha fa d’ làimh? thoir dhomh cuig builinnean arain a’m’ làimh, no ge b’e ni a tha làthair. 4 Agus fhreagair an sagart (1) is mac do’n bhàs e. Eabh. (2) gus an do ghuil. Eabh. (3) thug mi fios. Eabh. [TD 138] I. SAMUEL. CAIB. XXII. Daibhidh, agus thubhairt e, Cha ’n’eil aran coitcheann (1) sam bith fa m’ làimh, ach tha aran coisrigte (2) ann; ma ghléidh na h-òganaich iad féin air bheag sam bith o mhnaibh. 5 Agus fhreagair Daibhidh an sagart, agus thubhairt e ris, Gu deimhin chumadh mnài uainne na tri laithe so, o thàinig mise mach, agus tha (3) soithiche nan òganach naomha; agus tha ’n t-aran coitcheann air chor, eadhon ge do naomhaicheadh e an diugh anns an t-soitheach (4). 6 Uime sin thug an sagart dha aran naomha; oir cha robh aran sam bith an sin ach aran na fianuis (5) a thugadh a fianuis an Tighearna, gu aran teth a chur sìos anns an là san d’thugadh air falbh e. 7 A nis bha duine àraidh do sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e ainm Doeg, Edomach, am fear a b’airde do na buachaillibh a bhuineadh do Shaul. 8 Agus thubhairt Daibhidh re Ahimelech, Agus nach ’eil an so fa d’ làimh sleagh no claidheamh? oir cha d’thug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu’n robh gnothuch an righ cabhagach. 9 Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath an Philistich, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e ’n so paisgte ann an eudach air cùlaobh na h-Ephoid: ma ghabhas tu sin dhuit féin, gabh e; oir cha ’n’eil claidheamh sam bith eile ach e an so. Agus thubhairt Daibhidh, Cha ’n’eil a leithid eile ann, thoir dhomh e. 10 Agus dh’éirich Daibhidh, agus theich e air an là sin a fianuis Shauil, agus chaidh e gu Achis righ Ghat. 11 Agus thubhairt seirbhisich Achis ris, Nach e so Daibhidh righ na tìre? nach ann m’a thimchioll-san a chan iad le chéile (6) ann an dannsaibh, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìlte, agus Daibhidh a dheich mìlte? 12 Agus thaisg Daibhidh suas na briathra sin ’na chridhe, agus bha eagal mòr air roimh Achis righ Ghat. 13 Agus dh’atharraich e a ghiùlan ’nam fianuis, agus leig e air féin a bhi air a’ chuthach ’nan làmhaibh, agus scrìob e air comhlaichibh (7) a’ gheataidh, agus leig e le shileadh tuiteam sìos air fheusaig. 14 An sin thubhairt Achis r’a sheirbhisich, Feuch, chi sibh gu bheil an duine air a’ chuthach: c’ar son ma ta thug sibh a m’ ionnsuidhs’ e? 15 Am bheil feum agamsa air daoinibh air a’ chuthach, gu’n d’thugadh sibh am fear so gu bhi air a’ chuthach a’m’ làthair? an d’thig am fear so a steach do m’ thigh-sa? CAIB. XXII. DH’IMICH Daibhidh air an aobhar sin as sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus an uair a chual’ a bhràithrean agus tigh athar uile e, chaidh iad sìos an sin d’a ionnsuidh. 2 Agus chruinnich d’a ionnsuidh gach duine a bha’n teann- (1) cumanta. (2) naomhaichte. (3) bha. (4) agus ma bha neo-ghloine sam bith air an t-slighe, gidheadh gu cinnteach an diugh bithidh na soithichean glan. (5) aran taisbeanta. (6) fhreagair iad a chéile. (7) dorsaibh. [TD 139] I. SAMUEL. CAIB. XXII. tachd, agus gach duine a bha fa fhiachaibh, agus gach duine a bha fuidh smuairein (1) ’na inntinn; agus bha e ’na cheannard orra: agus bha maille ris mu thimchioll ceithir cheud fear. 3 Agus chaidh Daibhidh as sin gu Mispeh Mhoaib, agus thubhairt e re righ Mhoaib, Thigeadh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a mach, agus bitheadh iad maille ribh, gus am bi fios agam ciod a ni Dia air mo shon. 4 Agus thug e iad am fianuis righ Mhoaib; agus dh’fhan iad maille ris rè nan làithean uile a bha Daibhidh anns an daingneach. 5 Agus thubhairt am fàidh Gad re Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iudah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit. 6 Agus chuala Saul gu’m facas (2) Daibhidh, agus na daoine a bha maille ris: (a nis dh’fhan Saul ann an Gibeah fuidh chraoibh ann an Ramah, agus a shleagh ’na làimh, agus a sheirbhisich uile ’nan seasamh làimh ris.) 7 Agus thubhairt Saul r’a sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a nis, a Bheniamineacha: eadhon dhuibhse uile an d’thoir mac Iese achanna agus fion-liosan, agus an dean e sibh uile ’nar ceannardaibh air mhìltibh, agus ’nar ceannardaibh air cheudaibh; 8 Gu’n deachaidh sibh uile ann an comh-bhoinn (3) a’m’ aghaidh-sa, agus nach ’eil neach ann a chuireas an céill domh gu bheil mo mhac air deanamh coi’-cheangail re mac Iese, agus nach ’eil neach agaibh a tha doilich air mo shon, no chuireas an céill domh gu’n do dhùisg mo mhac mo sheirbhiseach a’m’ aghaidh, a dheanamh feall-fholach, mar air an la ’n diugh? 9 An sin fhreagair Doeg an t-Edomach (a bha ’na sheasamh maille re seirbhisich Shauil (4)) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsuidh Ahimeleich mhic Ahituib. 10 Agus dh’fhiosraich e air a shon do’n Tighearna, agus thug e biadh dha, agus thug e dha claidheamh Gholiath an Philistich. 11 An sin chuir an righ fios air Ahimelech an sagart, mac Ahituib, agus tigh athar uile, na sagairt a bha ann an Nob: agus thàinig iad uile dh’ionnsuidh an righ. 12 Agus thubhairt Saul, Eisd a nis, a mhic Ahituib. Agus fhreagair esan, Tha mi ’n so, mo thighearna. 13 Agus thubhairt Saul ris, C’ar son a chaidh sibh ann an comh-bhoinn a’m’ aghaidh-sa, thusa agus mac Iese, do bhrìgh gu’n d’thug thu dha aran agus claidheamh, agus gu’n d’fhiosraich thu do Dhia air a shon, a chum gu’n éireadh e suas a’m’ aghaidh, a dheanamh feall-fholach, mar air an la ’n diugh? 14 An sin fhreagair Ahimelech an righ, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha co firinneach re (1) neo-thoilichte; searbh. Eabh. (2) gu’n d’àithnicheadh. Eabh. (3) Gu’n d’rinn sibh uile ceannairc, chuir sibh uile bhur comhairle re chéile. (4) a chuireadh os cionn sheirbhiseacha Shauil. [TD 140] I. SAMUEL. CAIB. XXIII. Daibhidh, a tha ’na chliamhuin aig an righ, agus a dh’imicheas air t’iarrtus, agus a tha urramach ann ad thigh? 15 An do thòisich mi air an là sin (1) air Dia fhiosrachadh air a shon? gu ma fada sin uam: na cuireadh an righ ni sam bith as leth a sheirbhisich, no as leth tighe m’athar uile; oir cha robh fios aig do sheirbhiseach air ni sam bith dheth so uile, beag no mòr. 16 Agus thubhairt an righ, Gu cinnteach gheibh thu bàs, Ahimeleich, thu féin agus uile thigh t’athar. 17 Agus thubhairt an righ ris na gillibh-ruith a sheas làimh ris, Tionndaidhibh agus marbhaibh sagartan an Tighearna; a chionn gu bheil mar an ceudna an làmh-san maille re Daibhidh, agus a chionn gu’n robh fios aca gu’n do theich e, agus nach do chuir iad an céill domhsa e. Ach cha b’àill le seirbhisich an righ an làmh a shìneadh a mach gu bualadh air sagartaibh an Tighearna. 18 Agus thubhairt an righ re Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartaibh. Agus thionndaidh Doeg an t-Edomach, agus bhuail e air na sagartaibh; agus mharbh e air an là sin ceithir fichead agus cùig fir a dh’iomchair ephod do lìon-eudach (2). 19 Agus bhuail e Nob baile nan sagart le faobhar a’ chlaidheimh, eadar fhear agus bhean, leanabh agus chìochran, agus dhamh, agus asal, agus chaora, le faobhar a’ chlaidheimh. 20 Agus chaidh aon do mhic Ahimeleich mhic Ahituib as, d’am b’ainm Abiatar, agus theich e ’n déigh Dhaibhidh. 21 Agus dh’innis Abiatar do Dhaibhidh gu’n do mharbh Saul sagartan an Tighearna. 22 Agus thubhairt Daibhidh re Abiatar, Bha fios agam air an là anns an robh Doeg an t-Edomach an sin, gu cinnteach gu’n innseadh e do Shaul: is mise b’aobhar bàis gach neach do thigh t’athar. 23 Fan thusa maille riumsa: na biodh eagal ort; oir esan a dh’iarras m’anam-sa, iarraidh e t’anam-sa: ach maille riumsa bithidh tu fuidh dhìdean. CAIB. XXIII. AN SIN dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Feuch, tha na Philistich a’ cogadh an aghaidh Cheilah, agus tha iad a’ creachadh nan urlar-bualaidh. 2 Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearna, ag ràdh, An d’théid mise, agus am buail mi na Philistich sin? Agus thubhairt an Tighearna re Daibhidh, Falbh, agus buail na Philistich, agus saor Ceilah. 3 Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, tha eagal oirnne an so ann an Iudah: cia mò gu mòr ma ta, ma théid sinn gu Ceilah an aghaidh armailtean nam Philisteach? 4 An sin dh’fhiosraich Daibhidh a rìs do’n Tighearna. Agus fhreagair an Tighearn e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis do d’ làimh. 5 Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine gu Ceilah, agus (1) an diugh. (2) anart. [TD 141] I. SAMUEL. CAIB. XXIII. chog e ’n aghaidh nam Philisteach, agus thug e leis an spréidh, agus bhuail e iad le h-àr mòr; mar sin shaor Daibhidh luchd-àiteachaidh Cheilah. 6 (A nis an uair a theich Abiatar mac Ahimeleich a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Ceilah, chaidh e sìos le ephod ’na làimh.) 7 Agus dh’innseadh do Shaul gu’n d’thàinig Daibhidh gu Ceilah, agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis do m’ làimh e; oir dhruideadh a stigh e le dol a steach do bhaile gheatachan agus chrann. 8 Agus ghairm Saul an sluagh uile chum cogaidh, a dhol sìos gu Ceilah a chuartachadh (1) Dhaibhidh agus a dhaoine. 9 Agus bha fios aig Daibhidh gu robh Saul gu dìomhair a’ dealbhadh uilc ’na aghaidh; agus thubhairt e re Abiatar an sagart, Thoir an so an ephod. 10 Agus thubhairt Daibhidh, A Thighearna Dhé Israeil, chuala do sheirbhiseach gu cinnteach gu bheil Saul ag iarraidh teachd gu Ceilah, a sgrios a’ bhaile air mo shon-sa. 11 An d’thoir luchd-àiteachaidh (2) Cheilah mise thairis d’a làimh? an d’thig Saul a nuas mar a chuala do sheirbhiseach? AThighearna Dhé Israeil, guidheam ort, innis do d’ sheirbhiseach. Agus thubhairt an Tighearna, Thig e nuas. 12 An sin thubhairt Daibhidh, An d’thoir luchd-àiteachaidh Cheilah mise agus mo dhaoine thairis do làimh Shauil? Agus thubhairt an Tighearna, Bheir iad thairis thu. 13 An sin dh’éirich Daibhidh agus a dhaoine, a bha mu thimchioll sè ceud, agus chaidh iad a mach a Ceilah, agus dh’imich iad an taobh a dh’fheudadh iad imeachd (3). Agus dh’innseadh do Shaul gu’n deachaidh Daibhidh as a Ceilah, agus leig e dheth dol a mach. 14 Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingneachaibh làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha d’thug Dia thairis d’a làimh e. 15 Agus chunnaic Daibhidh gu robh Saul air dol a mach a dh’iarraidh anma; agus bha Daibhidh ann am fàsach Shiph ann an coille. 16 Agus dh’éirich Ionatan mac Shauil, agus chaidh e dh’ionnsuidh Dhaibhidh do’n choille, agus neartaich e a làmh ann an Dia. 17 Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort: oir cha’n fhaigh làmh Shauil m’athar-sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise a’s faigse bhios dhuit; agus cuideachd tha fios aig m’athair Saul air sin. 18 Agus rinn iadsan ’nan dithis coi’-cheangal am fianuis an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan d’a thigh féin. 19 An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsuidh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach ’eil Daibhidh ’ga fholach féin maille ruinne ann an daingneachaibh sa’ choille, ann an cnoc Hachilah, a tha air an taobh deas do Iesimon? (1) a theannachadh. Eabh. (2) daoine. (3) dh’imich iad an taobh a dh’imich iad. Eabh. [TD 142] I. SAMUEL. CAIB. XXIV. 20 A nis uime sin, a réir uile mhiann t’anma, O a righ, thig da rìreadh a nuas, agus is i ar cuid-ne a thoirt thairis do làimh an righ. 21 Agus thubhairt Saul, Beannaichte gu robh sibhse o’n Tighearna, oir ghabh sibh truas rium. 22 Imichibh, guidheam oirbh, ulluichibh fathast, agus biodh fios agaibh, agus faicibh àit anns an gnàth leis a bhi (1), agus cò a chunnaic an sin e: oir dh’innseadh dhomh gu bheil e deanamh gu ro-sheòlta. 23 Faicibh ma ta, agus biodh fios agaibh air gach àite-folaich anns am bheil e ’ga fholach féin, agus thigibh a m’ ionnsuidh a rìs le fios cinnteach, agus théid mise maille ribh: agus an sin, ma bhitheas e anns an tìr, rannsaichidh mise mach e air feadh uile mhìltean Iudah. 24 Agus dh’éirich iad, agus chaidh iad gu Siph roimh Shaul: ach bha Daibhidh agus a dhaoine ann am fàsach Mhaoin, anns a’ chòmhnard air an taobh deas do Iesimon. 25 Agus chaidh Saul agus a dhaoine g’a iarraidh, agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus an uair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin. 26 Agus chaidh Saul air an taobh so do’n t-sliabh, agus Daibhidh agus a dhaoine air an taobh eile do’n t-sliabh: agus rinn Daibhidh cabhag gu imeachd air falbh roimh Shaul (2); oir chuairtich Saul agus a dhaoine Daibhidh agus a dhaoine, chum an glacadh. 27 Ach thàinig teachdaire dh’ionnsuidh Shauil, ag ràdh, Dean cabhag, agus thig; oir bhris na Philistich a stigh air an tìr. 28 Uime sin phill Saul o dhol air tòir Dhaibhidh, agus chaidh e ’n aghaidh nam Philisteach: air an aobhar sin thug iad Selah-hamah-lecot (3) mar ainm air an àite sin. 29 Agus chaidh Daibhidh suas as sin, agus ghabh e còmhnuidh ann an daingneachaibh làidir Engedi. CAIB. XXIV. AGUS an uair a bha Saul air pilltinn o leantuinn nam Philisteach, dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ann am fàsach Engedi. 2 An sin ghabh Saul tri mìle fear taghta a h-Israel uile, agus chaidh e dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh chreag nam fiadh-ghabhar. 3 Agus thàinig e dh’ionnsuidh mainnirean (4) nan caorach làimh ris an t-slighe, far an robh uaimh; agus chaidh Saul a steach a chòmhdachadh a chos: agus dh’fhan Daibhidh agus a dhaoine ann an taobhaibh na h-uamha. 4 Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch an là mu’n d’thubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid do d’ làimh, a chum as gu’n dean thu ris mar is àill leat. An sin dh’éirich Daibhidh, agus (1) anns am bheil a chos. Eabh. (2) air eagal Shauil. (3) i. e. creag nan sgaradh. (4) chrò. [TD 143] I. SAMUEL. CAIB. XXIV. ghearr e air falbh iomall falluinne Shauil os ìosal. 5 Agus ’na dhéigh sin bhuail cridhe Dhaibhidh e, a chionn gu’n do ghearr e air falbh iomall falluinne Shauil. 6 Agus thubhairt e r’a dhaoinibh, Nar leigeadh Dia gu’n deanainnse an ni so re m’ thighearna aon ungta an Tighearna, mo làmh a shìneadh a mach ’na aghaidh, o’s e aon ungta an Tighearn e. 7 Agus choisg Daibhidh a dhaoine leis na briathraibh sin, agus cha do leig e leo éirigh an aghaidh Shauil. Ach dh’éirich Saul suas as an uaimh, agus dh’imich e air a shlighe. 8 Agus dh’éirich Daibhidh suas an déigh sin, agus chaidh e mach as an uaimh, agus ghlaodh e ’n déigh Shauil, ag ràdh, Mo thighearn, a righ. Agus an uair a dh’amhairc Saul ’na dhéigh, chrom Daibhidh e féin air aghaidh dh’ionnsuidh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd (1). 9 Agus thubhairt Daibhidh re Saul, C’ar son a tha thu ag éisdeachd re briathraibh dhaoine, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ag iarraidh do chron. 10 Feuch, air an la ’n diugh chunnaic do shùilean cionnus a thug an Tighearna thairis thu an diugh do m’ làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungta an Tighearn e. 11 Agus faic, O athair, eadhon faic iomall t’fhalluinne a’m’ làimh: do bhrìgh an uair a ghearr mi air falbh iomall t’fhalluinne, nach do mharbh mi thu, biodh fios agad agus faic nach ’eil aon chuid olc no eusaontas (2) a’m’ làimh, agus nach do pheacaich mi a’t’ aghaidh: gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a chum a ghlacadh. 12 Gu’n d’thugadh an Tighearna breth eadar mise agus thusa, agus gu’n dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh-sa ort. 13 Mar a their gnàth-fhocal nan sean-fhear, O na h-aingidh thig aingidheachd: ach cha bhi mo làmh-sa ort. 14 Cò an déigh an d’thàinig righ Israeil a mach? cò air am bheil thu ’n tòir? an déigh coin mhairbh, an déigh deargainne. 15 Uime sin bitheadh an Tighearna ’na bhreitheamh, agus thugadh e breth eadar mise agus thusa, agus faiceadh e, agus tagradh e mo chùis, agus saoradh e mi as do làimh. 16 Agus an uair a chuir Daibhidh crìoch air na briathra sin a labhairt re Saul, an sin thubhairt Saul, An e so do ghuth, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thog Saul suas a ghuth, agus ghuil e. 17 Agus thubhairt e re Daibhidh, Is tusa a’s firinniche na mise: oir dhìol thusa maith dhomhsa, ach dhìol mise olc dhuitse. 18 Agus nochd thu an diugh cionnus a bhuin thu gu maith rium; do bhrìgh, an uair a thug an Tighearna thairis mi do d’ làimh, nach do mharbh thu mi. (1) chrom se e féin. (2) eu-ceart, aingidheachd. [TD 144] I. SAMUEL. CAIB. XXV. 19 Oir an uair a gheibh duine a nàmhaid, an leig e as gu maith (1) e? uime sin gu’n dìoladh an Tighearna maith dhuitse air son na rinn thu dhomhsa an diugh. 20 Agus a nis feuch, tha fios agam gu’m bi thu gu cinnteach a’d’ righ, agus gu’n daingnichear rìoghachd Israeil a’d’ làimh. 21 Uime sin mionnaich dhomhsa air an Tighearna, nach gearr thu as mo shliochd a’m’ dhéigh, agus nach sgrios thu m’ainm a tigh m’athar. 22 Agus mhionnaich Daibhidh do Shaul: agus chaidh Saul dhachaidh; ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas do’n daingneach. CAIB. XXV. AGUS fhuair Samuel bàs; agus chruinnich na h-Israelich uile an ceann a chéile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ’na thigh ann an Ramah. Agus dh’éirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain. 2 Agus bha duine ann am Maon, aig an robh a shealbh (2) ann an Carmel, agus bha ’n duine ro-mhòr, agus bha tri mìle caora aige, agus mìle gabhar: agus bha e a’ lomairt (3) a chaorach ann an Carmel. 3 A nis b’e ainm an duine Nabal, agus ainm a mhnà Abigail: agus bha i ’na mnaoi aig an robh deagh thuigse, agus maiseach ’na dealbh; ach bha ’n duine iargalta (4), agus olc ’na ghnìomharaibh, agus bha e do thigh Chaleib (5). 4 Agus chuala Daibhidh san fhàsach gu’n robh Nabal a’ lomairt a chaorach. 5 Agus chuir Daibhidh uaith deichnear òganach, agus thubhairt Daibhidh ris na h-òganaich, Gabhaibh suas gu Carmel, agus rachaibh a dh’ionnsuidh Nabail, agus cuiribh fàilte air a’m’ ainm-sa. 6 Agus mar so their sibh, Slàn gu robh thu (6); agus sìth gu robh dhuit féin, agus sìth do d’ thigh, agus sìth do gach ni a th’agad. 7 Agus a nis chuala mi gu bheil luchd-lomairt chaorach agad: a nis do bhuachaillean-sa, a bha maille ruinn, cha d’rinn sinn cron orra, ni mò a dh’ionndraineadh (7) ni sam bith leo rè na h-aimsir a bha iad ann an Carmel. 8 Feòraich do d’ òganachaibh, agus innsidh iad dhuit: faigheadh ma ta na h-òganaich deagh-ghean a’d’ shùilibh, oir air la maith (8) thàinig sinn: thoir, guidheam ort, do d’ sheirbhisich, agus do d’ mhac Daibhidh, ge b’e ni a thig a dh’ionnsuidh do làimhe (9). 9 Agus an uair a thàinig òganaich Dhaibhidh, labhair iad re Nabal a réir nam briathra sin uile ann an ainm Dhaibhidh, agus bha iad ’nan tosd (10). 10 Agus fhreagair Nabal seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? is lìonmhor seir- (1) air slighe mhaith. Eabh. (2) a ni, a spréidh; obair. Eabh. (3) rùsgadh. (4) ainméineach; cruaidh. Eabh. (5) bu Chalebeach e. Eabh. (6) mar so their sibh ris-san a tha beò ann an saibhreas. (7) chailleadh. (8) subhach. (9) gheibh do làmh. Eabh. (10) sguir iad, stad iad. [TD 145] I. SAMUEL. CAIB. XXV. bhisich sna laithibh so a tha briseadh air falbh gach duine dhiubh o mhaighstir. 11 An gabh mise ma ta m’aran, agus m’uisge, agus m’fheoil a mharbh mi air son mo luchd-lomairt, agus an tabhair mi e do dhaoinibh nach aithne dhomh cia as a tha iad? 12 Uime sin thionndaidh òganaich Dhaibhidh air an slighe, agus phill iad, agus thàinig iad agus dh’innis iad dha do réir nam briathra sin uile. 13 Agus thubhairt Daibhidh r’a dhaoinibh, Cuiribh gach duine a chlaidheamh air. Agus chuir gach duine dhiubh a chlaidheamh air, agus chuir Daibhidh mar an ceudna a chlaidheamh air: agus chaidh suas an déigh Dhaibhidh mu thimchioll ceithir cheud fear, agus dh’fhan dà cheud maille ris an airneis. 14 Ach dh’innis fear do na h-òganachaibh do Abigail bean Nabail, ag ràdh, Feuch, chuir Daibhidh teachdairean as an fhàsach a chur fàilte air ar maighstir, agus thug e anacainnt dhoibh. 15 Ach bha na daoine ro-mhaith ruinn, agus cha d’rinneadh cron oirn, ni mò a dh’ionndrain (1) sinn ni sam bith rè na h-aimsir a bha (2) sinn maille riu, ’nuair a bha sinn san fhearann. 16 Bha iad ’nam balladh dhuinn araon a dh’oidhche agus a là, rè na h-aimsir a bha sinn maille riu ag ionaltradh nan caorach. 17 A nis air an aobhar sin biodh fios agad agus smuainich ciod a ni thu; oir shonruicheadh olc an aghaidh ar maighstir, agus an aghaidh a thighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor as nach feud neach labhairt ris. 18 An sin rinn Abigail cabhag, agus ghabh i dà cheud builionn arain, agus dà shearrag fhìona, agus cùig caoraich air an deasachadh, agus cùig toimhsean do shìol cruaidhichte (3), agus ceud bagaide (4) do fhìon-dhearcaibh tiormaichte, agus dà cheud meall do shìgibh; agus chuir i air asalaibh iad. 19 Agus thubhairt i r’a h-òganachaibh, Rachaibh air bhur n-aghaidh romham; feuch, tha mi teachd ’nar déigh: ach cha d’innis i sin d’a fear Nabal. 20 Agus an uair a bha i a’ marcachd air an asail, agus a’ teachd a nuas ann am fasgath an t-sléibh, feuch thàinig Daibhidh agus a dhaoine a nuas ’na còdhail, agus choinnich i iad. 21 A nis thubhairt Daibhidh, Gu cinnteach is ann gu dìomhaoin a ghléidh mise gach ni a bh’aig an fhear so san fhàsach, air chor as nach d’ionndraineadh ni air bith do gach ni a bhuineadh dha; oir dhìol esan olc dhomhsa an éiric maith. 22 Gu’n deanadh Dia mar sin re naimhdibh Dhaibhidh, agus tuille mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhaduinn, aon air bith a ni uisge re balladh. 23 Agus an uair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h-asail, agus thuit i sìos air a h-aghaidh am fianuis Dhaibhidh, agus chrom si i féin gu làr. (1) chaill. (2) a ghluais. Eabh. (3) do ghràn gradain. (4) badan; triopall. Eir. clusters. Sasg. [TD 146] I. SAMUEL. CAIB. XXV. 24 Agus thuit i aig a chosaibh, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, bitheadh an cionta so, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad éisdeachd, agus cluinn briathra do bhanoglaich. 25 Na d’thugadh mo thighearna, guidheam ort, fa’near an duine so (1) le Belial, eadhon Nabal; oir a réir ainme, mar sin tha e: is e Nabal (2) ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach cha’n fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uait. 26 A nis uime sin, mo thighearna, mar is beò an Tighearna, agus mar is beo t’anam, a chionn gu’n do chum an Tighearn thusa o theachd a dhòrtadh fola, agus o thu féin a dhìoladh le d’ làimh féin; a nis uime sin mar Nabal bitheadh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc do m’ thighearna: 27 Agus a nis am beannachadh (3) so, a thug do bhanoglach a dh’ionnsuidh mo thighearna, thugar e eadhon do na h-òganaich a tha siubhal an cois (4) mo thighearna. 28 Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich: oir ni an Tighearna gu cinnteach tigh seasmhach do m’ thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearn a’ cur cathan an Tighearna, agus nach d’fhuaradh olc annad o thùs do làithean. 29 Gidheadh dh’éirich duine gu dol air do thòir, agus a dh’iarraidh t’anma: ach bithidh anam mo thighearna air a cheangal suas ann an ceanglachan na beatha aig an Tighearna do Dhia; agus anmanna do naimhdean, iadsan tilgidh e mach, mar a meadhon croinn-tàbhuill (5). 30 Agus an uair a ni an Tighearna do m’ thighearn a réir gach maith a labhair e mu d’ thimchioll, agus a dh’orduicheas e thu a’d’ uachdaran os cionn Israeil; 31 Cha bhi so chum doilgheis (6) dhuit, no chum oilbheim, cridhe do m’ thighearna, gu’n do dhòirt thu fuil gun aobhar, agus gu’n do dhìol mo thighearn e féin: ach an uair a bhuineas an Tighearna gu maith re m’ thighearna, an sin cuimhnich air do bhanoglaich. 32 Agus thubhairt Daibhidh re Abigail, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil, a chuir thusa an diugh a’m’ choinneamh-sa; 33 Agus beannaichte gu robh do chomhairle, agus beannaichte gu robh thu féin, a chum mise an diugh o theachd a dhòrtadh fola, agus o mi féin a dhìoladh le m’ làimh féin. 34 Oir gu deimhin, mar is beo an Tighearna Dia Israeil, a chum mis’ o chron a dheanamh ort, mur bitheadh tu air deanamh cabhaig, agus air teachd a’m’ choinneamh, gu cinnteach cha’n fhàgta do Nabal gu solus na maidne neach sam bith a ni uisge re balladh. 35 Uime sin ghabh Daibhidh as a làimh na thug i d’a ionnsuidh, agus thubhairt e rithe, (1) Na cuireadh mo thighearn a chridhe air an duine so. Eabh. (2) i. e. amadan. (3) an tiodhlac. (4) a’ leantuinn. (5) meadhon glaice croinn-tàbhuill. Eabh. (6) tuislidh. [TD 147] I. SAMUEL. CAIB. XXVI. Gabh suas ann an sìth a dh’ionnsuidh do thighe; faic, dh’éisd mi re d’ ghuth, agus ghabh mi re d’ ghnùis. 36 Agus thàinig Abigail a dh’ionnsuidh Nabail, agus feuch, bha cuirm aige ’na thigh mar chuirm righ; agus bha cridhe Nabail subhach an taobh a stigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a bheag no mhòr, gu solus na maidne. 37 Ach anns a’ mhaduinn, an uair a chaidh am fion a Nabal (1), agus a dh’innis a bhean dha na nithe sin, bhàsaich a chridhe an taobh a stigh dheth, agus bha e mar chloich. 38 Agus mu thimchioll deich laithean ’na dhéigh sin bhuail an Tighearna Nabal, agus fhuair e bàs. 39 Agus an uair a chuala Daibhidh gu’n d’fhuair Nabal bàs, thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearn a thagair cùis mo mhaslaidh o làimh Nabail, agus a chum a sheirbhiseach o olc: oir thionndaidh an Tighearn aingidheachd Nabail air a cheann féin. Agus chuir Daibhidh teachdaire uaith, agus labhair e re Abigail, a chum a gabhail dha féin ’na mnaoi. 40 Agus an uair a thàinig seirbhisich Dhaibhidh a dh’ionnsuidh Abigail gu Carmel, labhair iad rithe, ag ràdh, Chuir Daibhidh sinne a d’ ionnsuidh, a chum do ghabhail thuige (2) a’d’ mhnaoi. 41 Agus dh’éirich i agus chrom si i féin air a h-aghaidh dh’ionnsuidh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, bitheadh do bhanoglach ’na h-innilt (3) a nigheadh chos sheirbhiseach mo thighearna. 42 Agus rinn Abigail cabhag, agus dh’éirich i, agus mharcaich i air asail, agus cùigear ghruagach aice ag imeachd ’na déigh; agus lean i teachdairean Dhaibhidh, agus bha i ’na mnaoi aige. 43 Ghabh Daibhidh cuideachd Ahinoam o Iesreel, agus bha iad mar an ceudna le chéile ’nam mnaibh aige. 44 Oir thug Saul a nighean Michal, bean Dhaibhidh, do Phalti mac Lais, a bha do Ghalim. CAIB. XXVI. AGUS thàinig na Siphich a dh’ionnsuidh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach ’eil Daibhidh ’ga fholach féin ann an sliabh Hachilah fa chomhair Iesimoin? 2 An sin dh’éirich Saul, agus chaidh e sìos gu fàsach Shiph, agus maille ris tri mìle fear taghta do Israel, a dh’iarraidh Dhaibhidh ann am fàsach Shiph. 3 Agus champaich Saul ann an sliabh Hachilah, a tha fa chomhair Iesimoin air an t-slighe: ach dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach, agus chunnaic e gu’n d’thàinig Saul ’na dhéigh do’n fhàsach. 4 Uime sin chuir Daibhidh mach luchd-rannsachaidh, agus thuig e gu’n d’thàinig Saul da rìreadh. 5 Agus dh’éirich Daibhidh, agus thàinig e dh’ionnsuidh an àite anns an do champaich Saul: (1) an uair a thàinig Nabal gu chéill. (2) chuige. Eir. (3) ’na seirbhisich [TD 148] I. SAMUEL. CAIB. XXVI. agus chunnaic Daibhidh an t-àit anns an robh Saul ’na luidhe, agus Abner mac Ner, ceannard armailte: agus luidh Saul an taobh a stigh do’n chlais-bhlàir (1), agus champaich an sluagh m’a thimchioll. 6 An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e re Ahimelech an Hiteach, agus re Abisai, mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò théid sìos maille riumsa dh’ionnsuidh Shauil do’n champ? Agus thubhairt Abisai, Théid mise sìos maille riut. 7 Uime sin thàinig Daibhidh agus Abisai dh’ionnsuidh an t-sluaigh san oidhche; agus feuch, luidh Saul ’na chodal an taobh a stigh do’n chlais-bhlàir, agus a shleagh sàthta san talamh aig a cheann-adhairt; ach luidh Abner agus an sluagh mu’n cuairt air. 8 An sin thubhairt Abisai re Daibhidh, Thug Dia thairis do nàmhaid an diugh do d’ làimh: a nis uime sin, leig leam a bhualadh, guidheam ort, leis an t-sleagh a dh’ionnsuidh na talmhainn aon uair, agus cha bhuail mi e an dara uair. 9 Agus thubhairt Daibhidh re Abisai, Na marbh e; oir cò a shìneas a mach a làmh an aghaidh aoin ungta an Tighearna, agus a bhios neo-chiontach? 10 Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar is beo an Tighearna, bualidh an Tighearn e, no thig a là anns am faigh e bàs, no théid e sìos do’n chath agus tuitidh e. 11 Nar leigeadh an Tighearna gu’n sìninnse mach mo làmh an aghaidh aoin ungta an Tighearna: ach a nis gabh, guidheam ort, an t-sleagh a tha aig a cheann-adhairt, agus an soitheach uisge, agus biomaid ag imeachd. 12 Agus ghabh Daibhidh an t-sleagh agus an soitheach uisge o cheann-adhairt Shauil, agus dh’imich iad rompa, agus cha robh neach ann a chunnaic sin, no aig an robh fios air, no a mhosgail; oir bha iad uile ’nan codal, do bhrìgh gu’n do thuit codal trom o’n Tighearn orra. 13 An sin chaidh Daibhidh thairis do’n taobh eile, agus sheas e air mullach sléibhe fad as, le astar mòr eatorra. 14 Agus ghlaodh Daibhidh ris a t-sluagh, agus re Abner mac Ner, ag ràdh, Nach freagair thu, Abneir? Agus fhreagair Abner, agus thubhairt e, Cò thusa, a tha glaodhaich ris an righ? 15 Agus thubhairt Daibhidh re Abner, Nach fear treun thusa? agus cò a’s cosmhuil riut ann an Israel? c’ar son ma ta nach do choimhid thu do thighearn an righ? oir thàinig aon do’n t-sluagh a steach a mharbhadh an righ do thighearna. 16 Cha ’n’eil an ni so maith a rinn thu: mar is beo an Tighearna, tha sibh a’ toilltinn a’ bhàis (2), do bhrìgh nach do ghléidh sibh bhur maighstir, aon ungta an Tighearna: agus a nis faic c’àit am bheil sleagh an righ, agus an soitheach uisge, a bha aig a cheann-adhairt. 17 Agus dh’aithnich Saul guth Dhaibhidh, agus thubhairt e, An e so do ghuth-sa, a mhic, a Dhaibhidh? agus thubhairt (1) an taobh a stigh do chuairt nan carbad, ’na charbad. (2) is mic do’n bhàs sibh. Eabh. [TD 149] I. SAMUEL. CAIB. XXVII. Daibhidh, Is e mo ghuth-sa a th’ann, mo thighearn, a righ. 18 Agus thubhairt e, C’ar son a tha mo thighearn air tòir a sheirbhisich? oir ciod a rinn mi? no ciod an t-olc a th’ann am làimh? 19 A nis uime sin, guidheam ort, éisdeadh mo thighearn an righ re briathraibh a sheirbhisich: ma’s e an Tighearn a bhrosnuich thu a’m’ aghaidh, gabhaidh e tabhartas (1): ach ma’s iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianuis an Tighearna, oir dh’fhuadaich iad mise mach an diugh o fhantuinn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, Falbh, dean seirbhis do dhiathaibh eile. 20 A nis ma ta, na tuiteadh m’ fhuil a dh’ionnsuidh na talmhainn ann am fianuis an Tighearna; oir thàinig righ Israeil a mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc-choille (2) anns na beanntaibh. 21 An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: pill, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dean mi cron ort tuilleadh, a chionn gu’n robh m’anam luachmhor a’d’ shùilibh an diugh: feuch, rinn mi gu h-amaideach, agus chaidh mi air seacharan gu ro-mhòr. 22 Agus fhreagair Daibhidh agus thubhairt e, Feuch sleagh an righ; agus thigeadh aon do na h-òganaich a nall, agus gabhadh e i. 23 Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a réir ionracais agus fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an diugh do m’ làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a mach an aghaidh aoin ungta an Tighearna. 24 Agus feuch, Mar a mheasadh t’anam-sa gu mòr leamsa an diugh, mar sin bitheadh m’anam-sa air a mheas gu mòr leis an Tighearna, agus saoradh e mi as gach gàbhadh. 25 Agus thubhairt Saul re Daibhidh, Beannaichte gu robh thusa, a mhic, a Dhaibhidh: an dà chuid ni thu nithe mòra, agus mar an ceudna bheir thu gu cinnteach buaidh. Agus dh’imich Daibhidh air a shlighe, agus phill Saul d’a àite féin. CAIB. XXVII. AGUS thubhairt Daibhidh ’na chridhe, A nis tuitidh mi la éigin an làimh Shauil (3); cha ’n’eil ni air bith a’s fearr dhomh na mi dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a chum gu’n leig Saul dheth (4) mise iarraidh ni’s mò ann an crìch air bith do Israel, agus gu’n d’théid mi as o làimh. 2 Agus dh’éirich Daibhidh, agus chaidh e thairis agus an sé ceud fear a bha maille ris, a dh’ionnsuidh Achis mhic Mhaoich, righ Ghat. 3 Agus ghabh Daibhidh còmhnuidh maille re Achis ann an Gat, e féin agus a dhaoine, gach fear le theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ Bhan-iesreeleach, agus Abigail a’ Bhan-charmeleach, bean Nabail. 4 Agus dh’innseadh do Shaul (1) gabhaidh e fàile tabhartais. Eabh. (2) cearc-thomain; core. Eabh. (3) cuirear gu bàs mi la éigin le làimh Shauil. (4) gu’n caill Saul a dhòchas a m’ thaobh-sa. [TD 150] I. SAMUEL. CAIB. XXVIII. gu’n do theich Daibhidh gu Gat, agus cha d’iarr e ni’s mò air a shon. 5 Agus thubhairt Daibhidh re Achis, Ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shùilibh, thugar dhomh àit ann am baile éigin san dùthaich, a chum as gu’n gabh mi còmhnuidh an sin: oir c’ar son a ghabhadh do sheirbhiseach còmhnuidh anns a’ bhaile rìoghail maille riutsa? 6 An sin thug Achis dha Siclag air an là sin: uime sin buinidh Siclag do righribh Iudah gus an la’n diugh. 7 Agus b’e fad na h-aimsir (1) a dh’fhan Daibhidh ann an dùthaich nam Philisteach, bliadhna iomlan (2) agus ceithir mìosan. 8 Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a stigh air na Gesuraich (3), agus na Gesirich, agus na h-Amalecich; oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a théid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h-Eiphit. 9 Agus bhuail Daibhibh an tìr, agus cha d’fhàg e fear no bean beo: agus thug e leis na caoraich, agus am buar, agus na h-asail, agus na càmhail, agus an t-eudach; agus phill e, agus thainig e gu Achis. 10 Agus thubhairt Achis, C’àit an do bhris sibh a stigh an diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas do Iudah, agus air an taobh deas do na Ierahmeelich, agus air an taobh deas do na Cenich. 11 Agus fear no bean cha do leig Daibhidh as beo, a thoirt sgeula gu Gat, ag ràdh, Air eagal gu’n innseadh iad oirn, ag ràdh, Mar so rinn Daibhidh. Agus mar so bha a sheòl rè na h-aimsir a dh’fhan e ann an dùthaich nam Philisteach. 12 Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail deth: uime sin bithidh e ’na sheirbhiseach agamsa gu bràth. CAIB. XXVIII. AGUS anns na laithibh sin chruinnich na Philistich an armailtean an ceann a chéile chum cogaidh, a chur catha re h-Israel: agus thubhairt Achis re Daibhidh, Biodh fios gu cinnteach agad gu’n d’théid thu mach maille riumsa chum catha, thu féin agus do dhaoine. 2 Agus thubhairt Daibhidh re Achis, Gu deimhin bithidh fios agad ciod a ni do sheirbhiseach. Agus thubhairt Achis re Daibhidh, Uime sin ni mi fear-gleidhidh mo chinn dìot gu bràth. 3 A nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah ’na bhaile féin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-sìth, agus na fiosaichean, as an tìr. 4 Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chéile, agus thàinig iad agus champaich iad ann an Sunem: agus chruinnich Saul Israel uile an ceann a chéile, agus champaich iad ann an Gilboa. 5 Agus an uair a chunnaic Saul seachd nam Philisteach, bha eagal air, agus chriothnuich a chridhe gu mòr. (1) àireamh nan laithean. Eabh. (2) laithean. Eabh. (3) chaidh iad a chreachadh nan Gesurach. [TD 151] I. SAMUEL. CAIB. XXVIII. 6 Agus an uair a dh’fhiosraich Saul do’n Tighearna, cha do fhreagair an Tighearn e, aon chuid le aislingibh, no le Urim, no le fàidhibh. 7 An sin thubhairt Saul r’a sheirbhisich, Iarraibh dhomhsa bean aig am bheil leannan-sìth, agus théid mi d’a h-ionnsuidh, agus fiosraichidh mi dhith. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch, tha bean aig am bheil leannan-sìth ann an Endor. 8 Agus chuir Saul e féin ann an riochd eile, agus chuir e air eudach eile, agus dh’imich e, agus dithis dhaoine maille ris, agus thàinig iad a dh’ionnsuidh na mnà anns an oidhche, agus thubhairt e, Dean fiosachd (1) dhomhsa, guidheam ort, leis an leannan-shìth, agus tog suas dhomh esan a dh’ainmicheas mi dhuit. 9 Agus thubhairt a’ bhean ris, Feuch, tha fios agad ciod a rinn Saul, cionnus a ghearr e as iadsan aig an robh leannain-sìth, agus na fiosaichean, as an tìr: c’ar son ma ta a tha thu a’ leagadh ribidh air son m’anma, chum mo chur gu bàs? 10 Agus mhionnaich Saul dh’i air an Tighearn, ag ràdh, Mar is beo an Tighearna, cha tachair olc sam bith dhuit air son an ni so. 11 An sin thubhairt a’ bhean, Cò thogas mi nìos dhuit? Agus thubhairt esan, Tog a nìos dhomh Samuel. 12 Agus an uair a chunnaic a’ bhean Samuel, ghlaodh i le guth ard, agus labhair a’ bhean re Saul, ag ràdh, C’ar son a mheall thu mi? oir is tu Saul? 13 Agus thubhairt an righ rithe, Na biodh eagal ort: oir ciod a chunnaic thu? Agus thubhairt a’ bhean re Saul, Chunnaic mi diathan a’ teachd a nìos as an talamh. 14 Agus thubhairt e rithe, Ciod e a choslas? Agus thubhairt ise, Tha seann duine air teachd a nìos, agus e còmhdaichte le falluinn (2). Agus dh’aithnich Saul gu’m b’e Samuel a bh’ann, agus chrom se e féin air aghaidh dh’ionnsuidh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd dha. 15 Agus thubhairt Samuel re Saul, C’ar son a chuir thu dragh orm, le m’ thoirt a nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh a’m’ aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus cha ’n’eil e toirt freagraidh dhomh ni’s mò, aon chuid le fàidhibh no le aislingibh: uime sin ghairm mi ortsa, gu fios a thoirt domh ciod a ni mi. 16 An sin thubhairt Samuel, C’ar son ma ta a tha thu a’ fiosrachadh dhiomsa, agus gu’n do dhealaich an Tighearna riut, agus gu bheil e nis air fàs ’na nàmhaid duit (3)? 17 Agus rinn an Tighearna dha, mar a labhair e tromham-sa (4); oir reub an Tighearn an rìoghachd as do làimh, agus thug e i do d’ choimhearsnach, do Dhaibhidh. 18 Do bhrìgh nach d’éisd thu re guth an Tighearna, agus nach do chuir thu an gnìomh a chorruich gharg an aghaidh Amaleic; uime sin rinn an Tigh- (1) fàistineachd. (2) agus falluinn uime. (3) gu bheil e nis maille re d’ choimhearsnach. (4) le m’ làimh-sa. Eabh. [TD 152] I. SAMUEL. CAIB. XXIX. earn an ni so riut air an la ’n diugh. 19 Agus bheir an Tighearna mar an ceudna Israel maille riutsa thairis do làimh nam Philisteach: agus am màireach bithidh tusa agus do mhic maille riumsa: bheir an Tighearna mar an ceudna feachd Israeil thairis do làimh nam Philisteach. 20 An sin air ball thuit Saul sìnte air an talamh, agus bha e fa eagal ro-mhòr air son bhriathra Shamueil, agus cha robh neart air bith ann; oir cha d’ith e aran rè an latha, no rè na h-oidhche sin. 21 Agus thàinig a’ bhean a dh’ionnsuidh Shauil, agus chunnaic i gu’n robh e fa uamhann mòr, agus thubhairt i ris, Feuch, thug do bhanoglach géill (1) do d’ ghuth, agus chuir mi m’anam a’m’ làimh, agus dh’éisd mi re d’ bhriathraibh a labhair thu rium. 22 A nis uime sin, guidheam ort, éisd thusa mar an ceudna re guth do bhanoglaich, agus cuiream greim arain fa d’ chomhair, agus ith e, agus bithidh neart agad, an uair a dh’imicheas tu air do shlighe. 23 Ach dhiùlt esan, agus thubhairt e, Cha’n ith mi: ach choimh-éignich a sheirbhisich agus mar an ceudna a’ bhean e, agus dh’éisd e r’an guth: agus dh’éirich e o’n talamh, agus shuidh e air an leabaidh. 24 Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhta san tigh, agus rinn i cabhag, agus mharbh i e; agus ghabh i min mhìn (2), agus dh’fhuin si i, agus rinn i aran neo-ghoirtichte dhith. 25 Agus chuir i iad fa chomhair Shauil, agus fa chomhair a sheirbhiseacha, agus dh’ith iad: an sin dh’éirich iad suas, agus dh’imich iad air an oidhche sin féin. CAIB. XXIX. A NIS chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h-Israelich làimh re tobar, a th’ann an Iesreel. 2 Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh ’nan ceudaibh agus ’nam mìltibh: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh ’nan deireadh maille re Achis. 3 An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h-Eabhruidhich sin a’ deanamh an so? Agus thubhairt Achis re ceannardaibh nam Philisteach, Nach e so Daibhidh seirbhiseach Shauil righ Israeil, a bha maille riumsa na laithean so, no na bliadhnan so, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann o’n là anns an d’thàinig e a m’ ionnsuidh gus an la ’n diugh? 4 Agus bha fearg air ceannardaibh nam Philisteach ris, agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear so pilltinn, a chum as gu’n d’théid e rìs d’a àit a dh’orduich thu dha, agus na rachadh e sìos maille ruinne do’n chath, air eagal gu’m bi e ’na nàmhaid againn sa’ chath: oir cia leis a dheanadh e a réite r’a mhaighstir? nach ann le cinn nan daoine sin? 5 Nach e so Daibhidh, mu’n do chan iad le chéile (3) ann an dannsaibh, ag ràdh, Mharbh (1) dh’éisd do bhanoglach re. Eabh. (2) plùr; flour. Sasg. (3) fhreagair iad a chéile. [TD 153] I. SAMUEL. CAIB. XXX. Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean? 6 An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhin, mar is beo an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach a’m’ shùilibhse do dhol a mach agus do theachd a steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, o’n là anns an d’thàinig thu a m’ ionnsuidh gus an la ’n diugh: gidheadh, ann an sùilibh nan tighearnan cha’n ’eil thu taitneach. 7 A nis ma ta pill, agus imich ann an sìth, a chum as nach dean thu ni a ta olc ann an sùilibh thighearnan nam Philisteach. 8 Agus thubhairt Daibhidh re Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann do sheirbhiseach o’n cheud là a bha mi maille riut gu ruig an la ’n diugh, nach feud mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearn an righ? 9 Agus fhreagair Achis agus thubhairt e re Daibhidh, Tha fios agam gu bheil thu maith; ann am shùilibh-sa tha thu mar aingeal Dé: gidheadh, thubhairt tighearnan nam Philisteach, Cha d’théid e suas maille ruinne do’n chath. 10 A nis ma ta éirich gu moch sa’ mhaduinn maille re seirbhisich do mhaighstir, a thàinig maille riut; agus co luath sa’ dh’éireas sibh sa’ mhaduinn, agus a bhios solus agaibh, imichibh. 11 Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine moch-eirigh chum gu’m falbhadh iad anns a’ mhaduinn, agus gu’m pilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel. CAIB. XXX. AGUS an uair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h-Amalecich a stigh air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine. 2 Agus thug iad leo ’nam braighdibh na mnài a bha ann; cha do mharbh iad neach air bith, aon chuid beag no mòr, ach thug iad leo iad, agus dh’imich iad air an slighe. 3 Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine do’n bhaile, agus feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnài, agus am mic, agus an nigheana air falbh ann am braighdeanas. 4 An sin thog Daibhidh agus an sluagh a bha maille ris an guth, agus ghuil iad, gus nach robh neart annta gu gul ni b’fhaide. 5 Agus thugadh dà mhnaoi Dhaibhidh air falbh ’nam braighdibh, Ahinoam a’ Bhan-iesreeleach, agus Abigail bean Nabail a’ Charmelich. 6 Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh mu a chlachadh, do bhrìgh gu’n robh anam an t-sluaigh uile air a chràdh, gach duine air son a chuid mac, agus air son a nigheana: ach ghabh Daibhidh misneach dha féin anns an Tighearn a Dhia. 7 Agus thubhairt Daibhidh re Abiatar an sagart, mac Ahimeleich, Thoir a m’ ionnsuidh an so, guidheam ort, an ephod: [TD 154] I. SAMUEL. CAIB. XXX. agus thug Abiatar an ephod an sin a dh’ionnsuidh Dhaibhidh. 8 Agus dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearn, ag ràdh, An d’théid mi air tòir na buidhne so? am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t-iomlan. 9 Agus dh’imich Daibhidh, e féin agus an sè ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a d’fhàgadh ’nan déigh. 10 Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e féin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear ’nan déigh, a bha cho sgìth as nach b’urrainn iad dol thar an t-sruth Besor. 11 Agus fhuair iad Eiphiteach anns a’ mhachair, agus thug iad e dh’ionnsuidh Dhaibhidh, agus thug iad dha aran, agus dh’ith e; agus thug iad air uisge òl. 12 Agus thug iad dha mìr do mheall (1) shìgean, agus dà bhagaide do fhìon-dhearcaibh tiormaichte; agus an uair a dh’ith e, thàinig a spiorad a rìs d’a ionnsuidh: oir cha d’ith e aran, agus cha d’òl e uisge rè thri laithean agus thri oidhchean. 13 Agus thubhairt Daibhidh ris, Co leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach, agus dh’fhàg mo mhaighstir mi, do bhrìgh gu’n robh mi tinn o cheann tri laithean. 14 Bhris sinn a steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iudah, agus air taobh deas Chaleib, agus loisg sinn Siclag le teine. 15 Agus thubhairt Daibhidh ris, An d’thoir thu sìos mi dh’ionnsuidh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach d’ thoir thu thairis mi do làimh mo mhaighstir, agus bheir mi sìos thu dh’ionnsuidh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha. 16 Agus an uair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag itheadh agus ag òl, agus a’ dannsadh, air son na creiche mòire uile a thug iad leo a tìr nam Philisteach, agus a tìr Iudah. 17 Agus bhuail Daibhidh iad o bhriseadh na fàire gu ruig feasgar na la màireach (2); agus cha deachaidh duine dhiubh as, ach ceithir cheud òganach a mharcaich air càmhalaibh, agus a theich. 18 Agus shaor Daibhidh gach ni a thug na h-Amalecich leo: agus shaor Daibhidh a dhà mhnaoi. 19 Agus cha robh ni air bith a dhìth orra (3), aon chuid beag no mòr, mic no nigheana, no creach, no ni air bith a thug iad leo: bhuin Daibhidh gach ni air ais. 20 Agus ghabh Daibhidh an treud uile, agus am buar: agus dh’imich iad (4) roimh an spréidh so, agus thubhairt iad, Is i so creach Dhaibhidh. 21 Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsuidh an dà cheud fear, a bha cho sgìth as nach b’urrainn iad Daibhidh a leantuinn, agus air an d’thug iad fantuinn (1) bhreacaig. (2) an la ’r na mhàireach. (3) cha d’ionndraineadh ni air bith leo. (4) an treud uile agus am buar, a dh’iomain iad. [TD 155] I. SAMUEL. CAIB. XXXI. aig an t-sruth Besor: agus chaidh iad a mach an coinneamh Dhaibhidh agus an coinneamh an t-sluaigh a bha maille ris: agus an uair a thàinig Daibhidh am fagus do’n t-sluagh, chuir e fàilt’ orra (1). 22 An sin fhreagair na droch dhaoine uile, agus daoine Bhelial, dhiubhsan a chaidh maille re Daibhidh, agus thubhairt iad, Do bhrìgh nach deachaidh iad maille ruinne, cha d’thoir sinn dhoibh a’ bheag do’n chreich a shaor sinn, ach a mhàin do gach duine a bhean, agus a chlann, a chum gu’n d’thoir iad leo iad, agus gu’n imich iad. 23 An sin thubhairt Daibhidh, Cha dean sibh mar sin, mo bhràithre, ris na thug an Tighearna dhuinn, a ghléidh (2) sinn, agus a thug a’ bhuidheann a thàinig ’nar n-aghaidh thairis d’ar làimh. 24 Agus cò a dh’éisdeas ribh sa’ chùis so? ach mar chuibhrionn an ti a théid sìos do’n chath, mar sin bithidh cuibhrionn an ti a dh’fhanas maille ris an airneis: roinnidh iad air an aon dòigh. 25 Agus bha e mar sin o’n là sin a mach, gu’n d’rinn e ’na lagh e agus ’na riaghailt aig Israel gus an la ’n diugh. 26 Agus an uair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid do’n chreich a dh’ionnsuidh sheanairean Iudah, eadhon a dh’ionnsuidh a chairdean, ag ràdh, Feuch, tiodhlac (3) dhuibh do chreich naimhdean an Tighearna: 27 Dhoibhsan a bh’ann am Betel, agus dhoibhsan a bh’ann an Ramot mu dheas, agus dhoibhsan a bh’ann an Iater, 28 Agus dhoibhsan a bh’ann an Aroer, agus dhoibhsan a bh’ann an Siphmot, agus dhoibhsan a bh’ann an Estemoa, 29 Agus dhoibhsan a bh’ann an Rachal, agus dhoibhsan a bh’ann am bailtibh nan Ierahmeeleach, agus dhoibhsan a bh’ann am bailtibh nan Ceneach, 30 Agus dhoibhsan a bh’ann an Hormah, agus dhoibhsan a bh’ann an Cor-asan, agus dhoibhsan a bh’ann an Atach, 31 Agus dhoibhsan a bh’ann an Hebron, agus do na h-àitibh sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathuich (4). CAIB. XXXI. A NIS chog na Philistich an aghaidh Israeil, agus theich fir Israeil o fhianuis nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilboa. 2 Agus lean na Philistich Saul agus a mhic gu teann; agus bhuail (5) na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil. 3 Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus bhuail na fir-bhogha air (6), agus lotadh gu mòr e leis na fir-bhogha. 4 An sin thubhairt Saul re fear iomchair arm, Rùisg do chlaidheamh, agus sàth tromham e, air eagal gu’n d’thig na daoine neo-thimchioll-ghearrta sin, agus gu’n sàth iad tromham, agus gu’n d’thoir iad masladh (1) ghuidh e sìth dhoibh. Eabh. (2) dhìon, dhìdin. (3) tiodhlacadh; beannachadh. Eabh. (4) taothall. (5) mharbh. (6) fhuair na fir-bhogha e. Eabh. [TD 156] I. SAMUEL. CAIB. XXXI. dhomh (1). Ach cha b’àill le fear iomchair arm sin a dheanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air. 5 Agus an uair a chunnaic fear iomchair arm gu’n robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a chlaidheamh, agus fhuair e bàs maille ris. 6 Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriuir mac, agus fear iomchair arm, agus a dhaoine uile air an là sin féin maille re chéile. 7 Agus an uair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bh’air an taobh so do Iordan, gu’n do theich fir Israeil, agus gu’n robh Saul agus a mhic marbh, thréig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnuidh annta. 8 Agus air an la màireach, an uair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriuir mac air tuiteam ann an sliabh Ghilboa. 9 Agus ghearr iad dheth a cheann, agus rùisg iad armachd dheth, agus chuir iad fios gu tìr nam Philisteach m’an cuairt, g’a chur an céill ann an tigh an diathan-bréige, agus am measg an t-sluaigh. 10 Agus chuir iad armachd ann an tigh Astaroit: agus sparr iad a chorp re balladh Bhetsain. 11 Agus an uair a chuala luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead an ni sin a rinn na Philistich re Saul, 12 Dh’éirich na daoine treun uile, agus dh’imich iad rè na h-oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mac, o bhalladh Bhetsain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad. 13 Agus ghabh iad an cnaimhean, agus dh’adhlaic siad iad fuidh chraoibh ann an Iabes, agus throisg iad seachd laithean. (1) gu’n dean iad fanoid orm. [TD 157] Dara Leabhar SHAMUEIL, d’an ainm air mhodh eile, Dara Leabhar nan RIGH. CAIB. I. A NIS an déigh bàis Shauil, phill Daibhidh o àr nan Amaleceach, agus dh’fhan Daibhidh ann an Siclag dà latha. 2 Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a champ o Shaul, agus eudach reubta, agus ùir air a cheann: agus an uair a thàinig e dh’ionnsuidh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd. 3 Agus thubhairt Daibhidh ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, A camp Israeil theich mi. 4 Agus thubhairt Daibhidh ris, Ciod a thachair? innis dhomh, guidheam ort. Agus fhreagair e, Theich an sluagh o’n chath, agus cuideachd tha mòran do’n t-sluagh air tuiteam agus marbh; agus mar an ceudna tha Saul agus a mhac Ionatan marbh. 5 Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cionnus a tha fios agad gu bheil Saul agus a mhac Ionatan marbh? 6 Agus thubhairt an t-òganach a dh’innis dha, Thachair dhomhsa bhi air sliabh Ghilboa, agus feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice r’a shleagh, agus feuch, lean na carbadan agus am marc-shluagh gu dian ’na dhéigh. 7 Agus an uair a dh’amhairc e ’na dhéigh, chunnaic e mise, agus ghairm e orm: agus fhreagair mi, Tha mi ’n so. 8 Agus thubhairt e rium, Cò thusa? Agus fhreagair mise e, Is Amaleceach mi. 9 Thubhairt e rium a rìs, Seas orm, guidheam ort, agus marbh mi; oir ghlac teanntachd mi, do bhrìgh gu bheil mo bheatha fathast gu h-iomlan annam. 10 Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu’n robh fios agam nach biodh e beo an déigh dha tuiteam; agus ghabh mi ’n crùn a bha air a cheann, agus an làmh-fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi ’n so iad a dh’ionnsuidh mo thighearna. 11 An sin rug Daibhidh air eudach, agus reub se e, agus mar an ceudna na daoine uile a bha maille ris. 12 Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus throisg iad gu feasgar, air son Shauil agus [TD 158] II. SAMUEL. CAIB. II. air son a mhic Ionatain, agus air son sluaigh an Tighearna, agus air son tighe Israeil, do bhrìgh gu’n do thuit iad leis a’ chlaidheamh. 13 Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cia as duitse? Agus fhreagair esan, Is mac coigrich Amalecich mi. 14 Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnus nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a mach a mharbhadh (1) aoin ungta an Tighearna? 15 Agus ghairm Daibhidh air aon do na h-òganaich, agus thubhairt e, Thig am fagus, agus leum air. Agus bhuail se e, agus fhuair e bàs. 16 Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh t’fhuil air do cheann féin, oir thug do bheul fianuis a’d’ aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungta an Tighearna. 17 Agus rinn Daibhidh caoidh leis a’ chumhadh (2) so os cionn Shauil, agus os cionn a mhic Ionatain. 18 (Agus dh’àithn e gu’n iunnsaicheadh iad do chloinn Iudah tilgeadh le bogha (3): feuch, tha e scrìobhta ann an leabhar Iaseir.) 19 O mhaise Israeil, air do lotadh air t’àitibh arda! cionnus a thuit na cumhachdaich? 20 Na h-innsibh e ann an Gat, na cuiribh an céill e ann an sràidibh Asceloin; air eagal gu’m bi nigheana nam Philisteach aoibhneach, air eagal gu’n dean nigheana nan neo-thimchiollghearrta luathghaire. 21 A shléibhte Ghilboa, na biodh drùchd no uisge oirbh; no oirbhse, achanna thabhartasa (4): oir an sin thilgeadh gu tàireil air falbh sgiath nan cumhachdach, sgiath Shauil, mar nach bitheadh e ungta le h-oladh. 22 O fhuil nam marbh, o shaill nan cumhachdach, cha do thionndaidh bogha Ionatain air ais; agus cha do phill claidheamh Shauil gu faoin (5). 23 Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach ’nam beatha, agus ’nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treise iad na leòmhain. 24 A nigheana Israeil, guilibh air son Shauil, a dh’eudaich sibh ann an scarlaid le aoibhneas (6), a chuir òir-ghreus air bhur n-eudach. 25 Cionnus a thuit na cumhachdaich am meadhon a’ chatha! O a Ionatain, air t’àitibh arda mharbhadh thu! 26 Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair a Ionatain: ro-thaitneach bha thu dhomhsa: b’iongantach do ghràdh dhomhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban. 27 Cionnus a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do airm a’ chogaidh? CAIB. II. AGUS ’na dhéigh so dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearn, ag ràdh, An d’théid mi suas gu aon do bhailtibh Iudah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, C’àit a théid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron. (1) a mhilleadh, a sgrios. (2) tuireadh. (3) gu’n teagaisgeadh iad do chloinn Iudah an cumhadh so d’ an ainm am bogha. (4) achanna tarbhach. (5) falamh. (6) maille re nithibh taitneach. [TD 159] II. SAMUEL. CAIB. II. 2 Agus chaidh Daibhidh suas an sin, agus mar an ceudna a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ Bhan-iesreeleach, agus Abigail bean Nabail a’ Charmelich. 3 Agus a dhaoine a bha maille ris thug Daibhidh suas leis, gach fear le theaghlach; agus ghabh iad còmhnuidh ann am bailtibh Hebroin. 4 Agus thàinig daoine Iudah, agus dh’ung iad an sin Daibhidh ’na righ os cionn tighe Iudah: agus dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, B’iad daoine Iabeis-ghilead a dh’adhlaic Saul. 5 Agus chuir Daibhidh teachdairean a dh’ionnsuidh dhaoine Iabeis-ghilead, agus thubhairt e riu, Beannaichte gu robh sibh o’n Tighearna, a thaobh gu’n do nochd sibh an caoimhneas so do’r tighearna, do Shaul, agus gu’n d’adhlaic sibh e. 6 Agus a nis gu nochdadh an Tighearna caoimhneas dhuibhse, agus firinn: agus dìolaidh mise mar an ceudna am maitheas so dhuibh, do bhrìgh gu’n d’rinn sibh an ni so. 7 A nis uime sin biodh bhur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha bhur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung tigh Iudah mise a’m’ righ os an cionn. 8 Ach ghabh Abner mac Ner, ceannard armailte Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim, 9 Agus rinn se e ’na righ air Gilead, agus air na h-Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniamin, agus air Israel uile. 10 Dà fhichead bliadhna dh’aois bha Isboset mac Shauil an uair a thòisich e air rìoghachadh os cionn Israeil, agus rìoghaich e dà bhliadhna: ach lean tigh Iudah Daibhidh. 11 Agus b’e àireamh nan laithean a bha Daibhidh ’na righ ann an Hebron air tigh Iudah, seachd bliadhna agus sè mìosa. 12 Agus chaidh Abner mac Ner, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil, a mach o Mhahanaim gu Gibeon. 13 Agus chaidh Ioab mac Sheruiah, agus seirbhisich Dhaibhidh a mach, agus choinnich iad a’ chéile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad so air aon taobh do’n lochan, agus iad sud air an taobh eile do’n lochan. 14 Agus thubhairt Abner re Ioab, Eireadh na h-òganaich a nis, agus deanadh iad lù-chleas (1) ’nar fianuis. Agus thubhairt Ioab, Eireadh iad. 15 An sin dh’éirich suas agus chaidh thairis dà fhear dheug an àireamh do Bheniamin a bhuineadh do Isboset mac Shauil, agus dà fhear dheug do sheirbhisich Dhaibhidh. 16 Agus rug gach fear dhiubh air ceann a chompanaich (2), agus shàth e a chlaidheamh ann an leth-taobh a chompanaich, agus thuit iad sìos cuideachd: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin Helcat-hasurim, a tha ann an Gibeon. 17 Agus bha cath ro-chruaidh ann air an là sin: agus bhuaileadh Abner agus fir Israeil fa chomhair sheirbhiseacha Dhaibhidh. (1) cluicheadh iad. (2) choimh-ghleacair. [TD 160] II. SAMUEL. CAIB. II. 18 Agus bha tri mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel co luath d’a chois re boc earba na machrach. 19 Agus chaidh Asahel air tòir Abneir, agus cha do chlaon e ’na shiubhal a dh’ionnsuidh na laimhe deise no na laimhe clìthe, o dhol an déigh Abneir. 20 An sin dh’amhairc Abner ’na dhéigh, agus thubhairt e, An tusa Asahel? Agus fhreagair esan, Is mi. 21 Agus thubhairt Abner ris, Tionndaidh a dh’ionnsuidh do laimhe deise no dh’ionnsuidh do laimhe clìthe, agus glac aon do na h-òganachaibh, agus gabh a d’ ionnsuidh fhaobh (1). Ach cha b’àill le Asahel tionndadh o esan a leantuinn. 22 Agus thubhairt Abner a rìs re Asahel, Tionndaidh o mise a leantuinn: c’ar son a bhuailinn thu gu làr? cionnus an sin a thogainn suas m’aghaidh re Ioab do bhràthair? 23 Gidheadh dhiùlt esan tionndadh: uime sin bhuail Abner e le earr na sleagha fuidh’n chùigeadh aisne, agus thàinig an t-sleagh a mach air a chùlaobh; agus thuit e ’n sin, agus fhuair e bàs san àite sin féin: agus iadsan uile a thàinig a dh’ionnsuidh an àite anns an do thuit Asahel sìos agus anns an d’fhuair e bàs, dh’fhan iad ’nan seasamh. 24 Chaidh Ioab mar an ceudna agus Abisai air tòir Abneir: agus luidh a’ ghrian an uair a thàinig iad gu sliabh Amah, a tha fa chomhair Ghiah, air slighe fàsaich Ghibeoin. 25 Agus chruinnich clann Bheniamin iad féin an ceann a chéile gu dol an déigh Abneir, agus bha iad ’nan aon bhuidhinn, agus sheas iad air mullach cnoic. 26 An sin ghlaodh Abner re Ioab, agus thubhairt e, An sgrios an claidheamh gu bràth? nach ’eil fios agad gu’m bi searbhas ann fa dheireadh? cia fad a bhitheas e ma ta mu’n abair thu ris an t-sluagh pilltinn o leantuinn am bràithre? 27 Agus thubhairt Ioab, Mar is beo Dia, mur (2) bitheadh tu air labhairt, gu deimhin an sin anns a’ mhaduinn (3) rachadh an sluagh suas, gach fear o leantuinn a bhràthar. 28 Uime sin shéid Ioab trompaid, agus stad an sluagh uile, agus cha deachaidh iad ni’s mò air tòir Israeil, agus cha do chog iad ni’s mò. 29 Agus dh’imich Abner agus a dhaoine air feadh a’ chòmhnaird rè na h-oidhche sin, agus chaidh iad thar Iordan, agus chaidh iad troimh Bhitron uile, agus thàinig iad gu Mahanaim, 30 Agus phill Ioab o dhol an déigh Abneir, agus an uair a chruinnich e ’n sluagh uile an ceann a chéile, dh’ionndraineadh do sheirbhisich Dhaibhidh naoi fir dheug agus Asahel: 31 Ach bhuail seirbhisich Dhaibhidh do Bheniamin, agus do dhaoinibh Abneir, tri cheud agus tri fichead fear, a fhuair bàs. 32 Agus thog iad leo Asahel, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh athar, a bha ann am Betlehem: agus dh’imich Ioab agus a dhaoine rè na (1) éideadh, armachd. (2) nam. (3) o’n mhaduinn. Eabh. [TD 161] II. SAMUEL. CAIB. III. h-oidhche, agus thàinig iad gu Hebron mu bhriseadh na fàire. CAIB. III. A NIS bha cogadh fada eadar tigh Shauil agus tigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìr-dhol air aghaidh ann an neart, agus tigh Shauil a’ sìr-dhol an laige. 2 Agus rugadh do Dhaibhidh mic ann an Hebron: agus b’e a cheud-ghin Amnon, re Ahinoam a’ Bhan-iesreeleach: 3 Agus a dhara mac Chiliab, re Abigail bean Nabail a’ Charmelich: agus an treas mac Absalom, mac Mhaacah, nighinn Thalmai, righ Ghesuir: 4 Agus an ceathramh mac Adoniah, mac Hagit: agus an cùigeadh mac Sephatiah, mac Abitail: 5 Agus an seathadh mac Itream, re Eglah bean Dhaibhidh: Rugadh iad sin do Dhaibhidh ann an Hebron. 6 A nis an uair a bha cogadh eadar tigh Shauil agus tigh Dhaibhidh, rinn Abner e féin làidir ann an tigh Shauil. 7 Agus bha coimh-leabach aig Saul, d’am b’ainm Rispah, nighean Ahiah: agus thubhairt Isboset re Abner, C’ar son a chaidh thu stigh a dh’ionnsuidh coimh-leabaich m’athar? 8 An sin bha fearg mhòr air Abner air son bhriathran Isboseit agus thubhairt e, An ceann coin mise, a bhuineas do Iudah? tha mi a’ nochdadh caoimhneis an diugh (1) do thigh Shauil t’athar, d’a bhràithribh, agus d’a chairdibh, agus cha d’thug mi thairis thusa do làimh Dhaibhidh; gidheadh tha thusa a’ cur coire as mo leth an diugh a thaobh na mnà so? 9 Mar sin gu’n deanadh Dia re Abner, agus tuille mar an ceudna, mar a mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh, mur dean mise eadhon mar sin ris-san, 10 An rìoghachd atharrachadh o thigh Shauil, agus righ-chathair Dhaibhidh a chur suas os cionn Israeil, agus os cionn Iudah, o Dhan eadhon gu Beer-seba. 11 Agus cha b’urrainn e Abner a fhreagairt aon fhocal a rìs, a chionn gu’n robh eagal air roimhe. 12 Agus chuir Abner teachdairean a dh’ionnsuidh Dhaibhidh ’na àite féin (2), ag ràdh, Cia leis an tìr? ag ràdh mar an ceudna, Dean do choi’-cheangal riumsa, agus feuch, bithidh mo làmh leat, gu Israel uile a thionndadh a t’ ionnsuidh. 13 Agus thubhairt esan, Ro-mhaith, ni mise coi’-cheangal riut: ach aon ni tha mi ag iarraidh ort, eadhon, Nach faic thu mo ghnùis, mur d’thoir thu leat air tùs Michal nighean Shauil, an uair a thig thu g’am fhaicinn. 14 Agus chuir Daibhidh teachdairean gu Isboset mac Shauil, ag ràdh, Tabhair dhomh mo bhean Michal, a cheangail mi rium féin am pòsadh air son ceud roimh-chroicionn do na Philistich. 15 Agus chuir Isboset fios oirre, agus thug e o a fear i, eadhon o Phaltiel mac Lais. 16 Agus dh’imich a fear (1) a nochdas caoimhneas an diugh an aghaidh Iudah. (2) as a leth fein, air ball. [TD 162] II. SAMUEL. CAIB. III. maille rithe, a’ gul ’na déigh gu Bahurim: an sin thubhairt Abner ris, Falbh, pill. Agus phill e. 17 Agus rinn Abner còmhradh re seanairibh Israeil, ag ràdh, Anns an aimsir roimhe so dh’iarr sibh Daibhidh a bhi ’na righ os bhur cionn. 18 A nis ma ta deanaibh e; oir labhair an Tighearna mu Dhaibhidh, ag ràdh, Le làimh mo sheirbhisich Dhaibhidh saoraidh mi mo shluagh Israel a làimh nam Philisteach, agus a làimh an naimhdean uile. 19 Agus labhair Abner mar an ceudna ann an cluasaibh Bheniamin: agus chaidh Abner mar an ceudna a labhairt ann an cluasaibh Dhaibhidh ann an Hebron, gach ni a bha taitneach ann an sùilibh Israeil, agus ann an sùilibh tighe Bheniamin uile. 20 Agus thàinig Abner a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Hebron, agus fichead fear maille ris: agus rinn Daibhidh cuirm do Abner agus do na daoinibh a bha maille ris. 21 Agus thubhairt Abner re Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile dh’ionnsuidh mo thighearn an righ, a chum as gu’n dean iad coi’-cheangal riut, agus gu’n rìoghaich thu os cionn gach ni a’s miann le t’anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth. 22 Agus feuch, thàinig seirbhisich Dhaibhidh agus Ioab o ruagadh buidhne, agus thug iad creach mhòr leo: (ach cha robh Abner maille re Daibhidh ann an Hebron, oir chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth.) 23 Agus an uair a thàinig Ioab agus an armailt uile a bha maille ris, dh’innis iad do Ioab, ag ràdh, Thàinig Abner mac Ner a dh’ionnsuidh an righ, agus chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth. 24 An sin thàinig Ioab a dh’ionnsuidh an righ, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? feuch, thàinig Abner a t’ionnsuidh; c’ar son so a chuir thu air falbh e, agus gun amharus dh’imich e? 25 Is aithne dhuit Abner mac Ner, gur ann gu d’ mhealladh a thàinig e, agus gu fios fhaghail air do dhol a mach agus do theachd a steach, agus gu fios fhaghail air gach ni a tha thu a’ deanamh. 26 Agus an uair a thàinig Ioab a mach o Dhaibhidh, chuir e teachdairean an déigh Abneir, a thug air ais e o thobar Shirah; ach cha robh fios aig Daibhidh air. 27 Agus an uair a phill Abner gu Hebron, thug Ioab e a leth-taobh anns a’ gheatadh a labhairt ris ann an sìth (1), agus bhuail e ’n sin e fuidh ’n chùigeadh aisne, agus fhuair e bàs air son fola a bhràthar Asahel. 28 Agus ’na dhéigh sin an uair a chuala Daibhidh e, thubhairt e, Tha mise agus mo rìoghachd neo-chiontach an làthair an Tighearna gu bràth o fhuil Abneir mhic Ner. 29 Fanadh i air ceann Ioaib, agus air tigh athar uile, agus na bitheadh a dhìth air tigh Ioaib neach air am bi silteach, no bhios ’na lobhar, no d’an éigin (1) gu h-uaignidheach. [TD 163] II. SAMUEL. CAIB. IV. siubhal le batadh, no thuiteas air claidheamh, no air am bi easbhuidh arain. 30 Mar sin mharbh Ioab agus a bhràthair Abisai Abner, a chionn gu’n do chuir esan gu bàs am bràthair Asahel aig Gibeon anns a’ chath. 31 Agus thubhairt Daibhidh re Ioab, agus ris an t-sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh bhur n-eudach, agus cuiribh saic-eudach umaibh, agus deanaibh caoidh roimh Abner. Agus lean righ Daibhidh féin an giùlan. 32 Agus dh’adhlaic iad Abner ann an Hebron: agus thog an righ suas a ghuth, agus ghuil e aig uaigh Abneir, agus ghuil an sluagh uile. 33 Agus rinn an righ caoidh os cionn Abneir, agus thubhairt e, An ann mar a bhàsaicheas amadan (1), a bhàsaich Abner! 34 Cha do cheangladh do làmhan, agus cha do chuireadh do chosan ann an geimhlibh: mar a thuiteas duine roimh dhaoine aingidh, mar sin thuit thusa. Agus ghuil an sluagh uile a rìs os a chionn. 35 Agus an uair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh itheadh, am feadh ’sa b’e ’n là fathast a bh’ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gu deanadh Dia riumsa, agus tuille mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no ni air bith eile, gus an d’théid a’ ghrian fuidhe. 36 Agus thug an sluagh uile fa’near e, agus bha e taitneach ’nan sùilibh; mar a bha gach ni a rinn an righ taitneach ann an sùilibh an t-sluaigh uile: 37 Oir thuig an sluagh uile agus Israel uile air an là sin, nach ann o’n righ a bha e Abner mac Ner a chur gu bàs. 38 Agus thubhairt an righ r’a sheirbhisich, Nach ’eil fhios agaibh gu’n do thuit uachdaran agus duine mòr an diugh ann an Israel? 39 Agus tha mise an diugh anmhunn (2), ge (3) do tha mi ungta a’m’ righ; agus tha na daoine sin mic Sheruiah ro-chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear deanamh an uilc a réir aingidheachd. CAIB. IV. AGUS an uair a chuala mac Shauil gu’n d’fhuair Abner bàs ann an Hebron, dh’fhàs a làmhan fann, agus bha Israel uile fa bhuaireas. 2 Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha ’nan ceannardaibh air buidhnibh: b’e ainm aoin diubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin a’ Bheerotaich, do chloinn Bheniamin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna do Bheniamin: 3 Agus theich na Beerotaich gu Gitaim, agus tha iad ’nan luchd-cuairt an sin gu ruig an la ’n diugh.) 4 Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach (4), agus a bha cùig bliadhna dh’aois an uair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan a Iesreel; agus thog a bhanaltrum leatha e, agus theich i: agus an uair a (1) duine aingidh. (2) maoth. Eabh. (3) agus. Eabh. (4) ciurramach ’na chosaibh. Eabh. [TD 164] II. SAMUEL. CAIB. V. rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e ainm Mephiboset. 5 Agus dh’imich mic Rimoin a’ Bheerotaich, Rechab agus Baanah, agus thàinig iad mu theas an là gu tigh Isboseit, a bha ’na luidhe air leabaidh mu mheadhon-là. 6 Agus feuch, thàinig iad air an aghaidh gu meadhon an tighe mar gu’m biodh iad gu cruithneachd a thoirt leo, agus bhuail iad e fuidh ’n chùigeadh aisne: agus chaidh Rechab agus a bhràthair Baanah as: 7 Oir an uair a thàinig iad a steach do’n tigh, bha esan ’na luidhe air a leabaidh ’na sheòmar-codail, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e, agus chuir iad an ceann deth, agus thug iad leo a cheann, agus dh’imich iad rompa air slighe an fhàsaich (1) rè na h-oidhche. 8 Agus thug iad ceann Isboseit a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Hebron, agus thubhairt iad ris an righ, Feuch, ceann Isboseit mhic Shauil do nàmhaid, a dh’iarr t’anam: agus thug an Tighearna do m’ thighearn an righ dìoghaltas air an la ’n diugh air Saul agus air a shliochd. 9 Agus fhreagair Daibhidh Rechab agus Baanah a bhràthair, mic Rimoin a’ Bheerotaich, agus thubhairt e riu, Mar is beo an Tighearn, a shaor m’anam as gach uile airc; 10 An uair a dh’innis neach dhomh, ag ràdh, Feuch, tha Saul marbh (agus e a’ meas gu’n robh e toirt deagh sgeoil leis) rug mi air, agus mharbh mi e ann an Siclag, an uair a shaoil e gu’n d’thugainn luigheachd dha air son a sgeoil: 11 Nach mò gu mòr, an uair a mharbh daoine aingidh duine ionraic ’na thigh féin air a leabaidh? agus a nis nach iarr mi fhuil-san air bhur làimh-sa, agus nach d’thoir mi bhàrr na talmhainn sibh? 12 Agus dh’àithn Daibhidh d’a òganaich, agus mharbh siad iad, agus ghearr iad dhiubh an làmhan agus an cosan, agus chroch iad suas iad os cionn an tobair ann an Hebron: ach ghabh iad ceann Isboseit, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh Abneir ann an Hebron. CAIB. V. AN SIN thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus t’fheoil. 2 Mar an ceudna roimhe so, ’nuair a bha Saul ’na righ os ar cionn, bu tusa an ti a threòraich a mach agus a thug a steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bithidh tu a’d’ cheannard air Israel. 3 Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsuidh an righ gu Hebron, agus rinn righ Daibhidh coimh-cheangal riu ann an Hebron am fianuis an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh ’na righ air Israel. 4 Bha Daibhidh deich bliadhna fichead a dh’aois an uair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìoghaich e dà fhichead bliadhna. 5 Ann an Hebron rìoghaich (1) a’ chòmhnaird. [TD 165] II. SAMUEL. CAIB. V. e os cionn Iudah seachd bliadhna agus sè mìosan: agus ann an Ierusalem rìoghaich e tri bliadhna deug thar fhichead os cionn Israeil uile agus Iudah. 6 Agus dh’imich an righ agus a dhaoine gu h-Ierusalem, a dh’ionnsuidh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh na tìre; a labhair re Daibhidh, ag ràdh, Cha d’thig thu a steach an so mur d’thoir thu air falbh na doill agus na bacaich, ag ràdh, Cha d’thig Daibhidh a steach an so. 7 Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh. 8 Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge b’e neach a ruigeas a’ chlais-uisge (1), agus a bhuaileas na Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, aig am bheil fuath air anam Dhaibhidh, bithidh esan ’na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha d’thig an dall agus am bacach a steach do’n tigh. 9 Agus ghabh Daibhidh còmhnuidh anns an daingneach, agus dh’ainmich se e, Baile Dhaibhidh; agus thog Daibhidh aitreabh mu’n cuairt, o Mhilo agus air an taobh a stigh. 10 Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha ’n Tighearna Dia nan sluagh maille ris. 11 Agus chuir Hiram righ Thiruis teachdairean a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean: agus thog iad tigh do Dhaibhidh. 12 Agus thuig Daibhidh gu’n do dhaingnich an Tighearn e ’na righ air Israel, agus gu’n d’ardaich e a rìoghachd air son a shluaigh Israeil. 13 Agus ghabh Daibhidh dha féin tuille choimh-leabach agus bhan a h-Ierusalem, an déigh dha teachd a Hebron: agus rugadh fathast mic agus nigheana do Dhaibhidh. 14 Agus is iad so an ainmean-san, a rugadh dha ann an Ierusalem; Samuah, agus Sobab, agus Natan, agus Solamh, 15 Agus Ibhar, agus Elisua, agus Nepheg, agus Iaphia, 16 Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphalet. 17 Ach an uair a chuala na Philistich gu’n d’ung iad Daibhidh ’na righ air Israel, thàinig na Philistich uile nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos do’n daingneach. 18 Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil siad iad féin ann an gleann Rephaim. 19 Agus dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearn, ag ràdh, An d’théid mi suas a dh’ionnsuidh nam Philisteach? an d’thoir thu thairis iad a m’ làimh? Agus thubhairt an Tighearna re Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich a d’ làimh. 20 Agus thàinig Daibhidh gu Baal-perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearn o chéile mo naimhdean a’m’ fhianuis, mar bhriseadh uisgeacha. Uime sin thug e Baal-perasim mar ainm air an àite sin. 21 Agus dh’fhàg iad an sin (1) am feadan-uisge. [TD 166] II. SAMUEL. CAIB. VI. an dealbhan (1), agus loisg (2) Daibhidh agus a dhaoine iad. 22 Agus thàinig na Philistich a nìos a rìs, agus sgaoil siad iad féin ann an gleann Rephaim. 23 Agus an uair a dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearna, thubhairt e, Cha d’théid thu suas: ach gabh m’an cuairt air an cùlaobh, agus thig orra fa chomhair chraobh nan smeur (3). 24 Agus an uair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach (4) chraobh nam smeur, an sin gluaisidh tu thu féin; oir an sin théid an Tighearna mach romhad, a bhualadh seachd nam Philisteach. 25 Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus bhuail e na Philistich o Gheba, gus an d’thig thu gu Gaser. CAIB. VI. AGUS chruinnich Daibhidh fathast an ceann a chéile fir thaghta Israeil uile, deich mìle fichead. 2 Agus dh’éirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhaal Iudah, a thabhairt suas a sin àirc Dhé, air an gairmear ainm Thighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnuidh eadar na Cheruban. 3 Agus chuir iad àirc Dhé air feun (5) nomha, agus thug iad i a tigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mac Abinadaib, am feun nomha maille re àirc Dhé. 4 Agus dh’imich Ahio roimh’n àirc. 5 Agus chluich Daibhidh agus tigh Israeil uile am fianuis an Tighearn air gach inneal-ciuil do fhiodh-giumhais, eadhon air clàrsaichibh, agus air saltairibh, agus air nabalaibh (6), agus air tiompanaibh, agus air ciombalaibh. 6 Agus an uair a thàinig iad gu urlar-bualaidh Nachoin, chuir Usa a mach a làmh a dh’ionnsuidh àirc Dhé, agus ghabh e greim dhith; oir chuir na daimh air chrith i. 7 Agus las corruich an Tighearn an aghaidh Usa, agus bhuail Dia an sin e air son a dhànadais (7); agus fhuair e bàs an sin làimh re àirc Dhé. 8 Agus bha doilgheas air Daibhidh (8), do bhrìgh gu’n d’rinn an Tighearna briseadh air Usa: agus dh’ainmich e an t-àite sin Peres-usah gu ruig an la ’n diugh? 9 Agus bha eagal air Daibhidh roimh ’n Tighearn air an là sin, agus thubhairt e, Cionnus a thig àirc Tighearn a m’ ionnsuidh-sa? 10 Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearn a thionndadh d’a ionnsuidh féin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a leth-taobh i gu tigh Obed-edoim a’ Ghitich. 11 Agus dh’fhan àirc an Tighearn ann an tigh Obed-edoim a’ Ghitich tri mìosan: agus bheannaich an Tighearn Obed-edom, agus a thigh uile. 12 Agus dh’innseadh do righ Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna tigh Obed-edoim, agus gach ni a bhuineas da, air (1) an ìodholan. (2) ghabh. (3) chraobh nam peur; bacaim. Eabh. (4) ann an toiseach. (5) cairt, carbad. (6) nebalim. Eabh. timbrels. Sasg. (7) a chionn gu’n do chuir e mach a làmh. (8) bha Daibhidh diombach. [TD 167] II. SAMUEL. CAIB. VII. son àirc Dhé. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e nìos àirc Dhé a tigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh, le gairdeachas. 13 Agus an uair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sè ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhra. 14 Agus dhanns Daibhidh le uile neart am fianuis an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le ephod lìn-eudaich. 15 Agus thug Daibhidh agus uile thigh Israeil a nìos àirc an Tighearna le h-iolaich, agus le fuaim trompaide. 16 Agus an uair a bha àirc anTighearn a’ teachd a steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tre uinneig, agus chunnaic i righ Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsadh am fianuis an Tighearna, agus rinn i tair air ’na cridhe. 17 Agus thug iad a steach àirc an Tighearna, agus chuir i suas i ’na h-àit ann am meadhon a’ phàilliuin, a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianuis an Tighearna, agus ìobairtean-sìth. 18 Agus an uair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean-sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm Thighearna nan sluagh. 19 Agus roinn e air an t-sluagh uile, eadhon air uile choi’-chruinneachadh Israeil, eadar fheara agus mhnài, do gach neach breacag arain, agus mìr maith feòla, agus copan (1) fiona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach d’a thigh féin. 20 Agus phill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach (2) a bha righ Israeil an diugh, a rùisg e féin an diugh ann an sùilibh bhanoglach a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon do na daoinibh eutrom e féin (3)? 21 Agus thubhairt Daibhidh re Michal, Is ann a bha e am fianuis an Tighearna, a thagh mise roimh t’athair, agus roimh a thigh uile, chum m’orduchadh a’m’ cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise (4) am fianuis an Tighearna. 22 Agus bithidh mi fathast ni’s tàireile na so, agus bithidh mi ìosal a’m’ shùilibh féin: agus aig na banoglaich mu’n do labhair thu, aca-san gheibh mi urram. 23 Agus cha robh duine-cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis. CAIB. VII. AGUS an uair a shuidh an righ ’na thigh, agus a thug an Tighearna fois dha o a naimhdibh uile m’an cuairt, 2 Thubhairt an righ re Natan am fàidh, Feuch a nis, tha mise a’m’ chòmhnuidh ann an tigh seudair, ach tha àirc Dhé ’na còmhnuidh an taobh a stigh do chùirteinibh. 3 Agus thubhairt Natan ris an righ, Falbh, dean gach ni a (1) soitheach. (2) glòrmhor. (3) e féin gu beag-narach. (4) rinn mi aoibhneas. [TD 168] II. SAMUEL. CAIB. VII. ta ann ad chridhe; oir tha’n Tighearna maille riut. 4 Agus air an oidhche sin féin thàinig focal an Tighearna gu Natan, ag ràdh, 5 Falbh agus innis do m’ òglach Daibhidh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, An tog thusa tigh dhomhsa, a chum gu’n gabhainn còmhnuidh ann? 6 Oir cha do ghabh mise còmhnuidh ann an tigh o’n là anns an d’thug mi nìos clann Israeil as an Eiphit eadhon gus an la’n diugh, ach bha mi ag imeachd ann am bùth agus ann am pàilliun. 7 Anns gach àit d’an d’imich mi maille re cloinn Israeil uile, an do labhair mi focal re h-aon air bith do bhreitheamhnaibh (1) Israeil, d’an d’àithn mi mo shluagh Israel a bheathachadh, ag ràdh, C’ar son nach tog sibh dhomhsa tigh seudair? 8 A nis uime sin mar so their thu re m’ sheirbhiseach Daibhidh, Mar so tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhi leantuinn nan caorach, gu bhi d’ cheannard air mo shluagh, air Israel. 9 Agus bha mi maille riut anns gach àite d’an deachaidh tu, agus ghearr mi as do naimhdean uile o t’fhianuis, agus rinn mi dhuit ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh. 10 (Agus orduichidh (2) mi àit air son mo shluaigh Israeil, agus suidhichidh mi iad, agus gabhaidh iad còmhnuidh ’nan àite féin, agus cha ghluaisear iad ni’s mò: agus cha sàraich clann na h-aingidheachd iad tuille mar air tùs (3), 11 Agus o’n àm anns an d’àithn mi breitheamhna bhi os cionn mo shluaigh Israeil: agus bheir mi dhuit fois o d’ naimhdibh gu léir.) Mar an ceudna tha’n Tighearn ag innseadh dhuit, gu’n dean an Tighearna tigh dhuit. 12 Agus an uair a choi’-lionar do làithean, agus a choidileas tu maille re t’aithrichibh, togaidh mi suas do shliochd a’d’ dhéigh, a thig a mach a t’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd. 13 Togaidh esan tigh do m’ainmsa, agus daingnichidh mise righ-chathair a rìoghachd gu bràth. 14 Bithidh mi a’m’ athair aige-san, agus bithidh esan ’na mhac agamsa: ma ni e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillibh chloinn nan daoine: 15 Ach cha ’n imich mo thròcair air falbh uaith, mar a thug mi air falbh i o Shaul, a chuir mi air falbh o t’fhianuis-sa. 16 Agus bithidh do thigh seasmhach, agus do rìoghachd gu bràth a’m’ fhianuis-sa (4): bithidh do righ-chathair daingean gu bràth. 17 A réir nam briathra so uile, agus a réir an taisbeanaidh (5) so uile, mar sin labhair Natan re Daibhidh. 18 An sin chaidh righ Daibhidh a stigh, agus shuidh e am fianuis an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhé, agus ciod e mo thigh, (1) threubhaibh. (2) dh’orduich. (3) mar a rinn iad roimhe. (4) a’t’ fhianuis. (5) an t-seallaidh, an fhoillseachaidh. [TD 169] II. SAMUEL. CAIB. VIII. gu’n d’thug thu mi gu ruige so? 19 Agus bu bheag an ni so fathast a’d’ shùilibh-sa, a Thighearna Dhé; ach labhair thu mar an ceudna thaobh tighe do sheirbhisich rè aimsir fhada re teachd: agus an e so gnàth duine, a Thighearna Dhé? 20 Agus ciod tuilleadh a dh’fheudas Daibhidh a ràdh riut? oir is aithne dhuit do sheirbhiseach, a Thighearna Dhé. 21 Air son t’fhocail, agus a réir do chridhe féin, rinn thu na nithe mòra so uile, a thoirt air do sheirbhiseach eòlas a ghabhail orra. 22 Uime sin a ta thu mòr, a Thighearna Dhé: oir cha ’n’eil neach ann cosmhuil riut, agus cha ’n’eil Dia ann ach thusa, a réir gach ni a chuala sinn le’r cluasaibh. 23 Agus cia an cinneach air thalamh cosmhuil re d’ shluagh-sa, cosmhuil re h-Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha féin, agus a dheanamh ainme dha féin, agus a dheanamh air an (1) son nithe mòra, agus uamhasach, air son do thìre, am fianuis do shluaigh a shaor thu dhuit féin as an Eiphit; o na cinneachaibh agus o’n déibh? 24 Oir dhaingnich thu dhuit féin do shluagh Israel gu bhi ’nan sluagh dhuit gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, a’d’ Dhia aca. 25 Agus a nis, a Thighearna Dhé, am focal a labhair thu a thaobh do sheirbhisich, agus a thaobh a thighe, dean seasmhach e gu bràth; agus dean mar a thubhairt thu. 26 Agus ardaichear (2) t’ainm gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh a’s Dia os cionn Israeil: agus bitheadh tigh do sheirbhisich Dhaibhidh daingean a’d’ fhianuis: 27 Oir dh’fhoillsich thusa, a Thighearna nan sluagh, a Dhé Israeil, do d’ sheirbhiseach, ag ràdh, Togaidh mi tigh dhuit: uime sin fhuair do sheirbhiseach ’na chridhe an urnuigh so a dheanamh riut. 28 Agus a nis, a Thighearna Dhé; is tu féin Dia (3), agus is iad do bhriathran an fhìrinn; agus gheall thu am maitheas so do d’ sheirbhiseach. 29 A nis uime sin gu ma toil leat tigh do sheirbhisich a bheannachadh, a chum gu mair e gu bràth a’d’ fhianuis: oir labhair thusa e, a Thighearna Dhé, agus le d’ bheannachadh beannaichear tigh do sheirbhisich gu bràth. CAIB. VIII. AGUS an déigh so bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich (4) e iad: agus ghlac Daibhidh Meteg-amah (5) a làimh nam Philisteach. 2 Agus bhuail e na Moabaich, agus thomhais e iad le cord (6), ’gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chord thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chord iomlan a ghleidheadh beo. Agus bha na Moabaich ’nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tiodhlaca leo. 3 Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, (1) bhur. (2) mòraichear, deanar mòr. Eabh. (3) Is tusa an Dia sin. (4) dh’ìslich. (5) Gat agus a bhailte beaga. (6) snàithne-tomhais. [TD 170] II. SAMUEL. CAIB. IX. righ Shobah, ’nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h-ais (1) aig abhuinn Euphrateis. 4 Agus thug Daibhidh uaith mìle carbad, agus seachd ceud (2) marcach, agus fichead mìle coisiche: agus ghearr Daibhidh speireacha each nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol cheud carbad. 5 Agus an uair a thàinig Sirianaich Dhamascuis a chuideachadh le Hadadeser righ Shobah, bhuail Daibhidh do na Sirianaich dà mhìle thar fhichead fear. 6 An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascuis: agus bha na Sirianaich ’nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tiodhlacan: agus ghléidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. 7 Agus ghabh Daibhidh na sgiathan (3) òir a bh’aig seirbhisich Hadadeseir, agus thug e iad gu h-Ierusalem. 8 Agus o Bhetah, agus o Bherotai, bailtibh Hadadeseir, thug righ Daibhidh ro-mhòran umha. 9 An uair a chuala Toi righ Hamait gu’n do bhuail Daibhidh sluagh Hadadeseir uile, 10 An sin chuir Toi a mhac Ioram gu righ Daibhidh, a chur fàilte air, agus g’a bheannachadh, a chionn gu’n do chog e re Hadadeser agus gu’n do bhuail se e, (oir bha cogadh aig Hadadeser re Toi (4):) agus ’na làimh bha soithichean airgid, agus soithichean òir, agus soithichean umha. 11 Iad sin mar an ceudna choisrig (5) righ Daibhidh do’n Tighearna, maille ris an airgiod agus ris an òr a choisrig e o na h-uile chinneachaibh a cheannsaich e; 12 O Shiria, agus o Mhoab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec, agus o chreich Hadadeseir, mhic Rehoib, righ Shobah. 13 Agus fhuair (6) Daibhidh ainm dha féin, an uair a phill e o bhualadh nan Edomach (7) ann an gleann an t-salainn, ochd mìle deug fear. 14 Agus chuir e freiceadain ann an Edom: air feadh Edoim uile chuir e freiceadain; agus bha na h-Edomaich uile ’nan seirbhisich aig Daibhidh: agus ghléidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. 15 Agus rìoghaich Daibhidh air Israel uile, agus rinn Daibhidh breitheamhnas agus ceartas d’a shluagh uile. 16 Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h-armailte; agus bha Iehosaphat mac Ahiluid ’na sheanachaidh (8); 17 Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair ’nan sagartaibh, agus Seraiah ’na scrìobhuiche; 18 Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach; agus bha mic Dhaibhidh ’nan ard uachdaranaibh. CAIB. IX. AGUS thubhairt Daibhidh, Am bheil fathast neach air bith a dh’fhàgadh do thigh Shauil, a chum gu nochd mi (1) a shuidheachadh a làimhe. Eabh. (2) mìle. (3) targaidean. (4) b’fhear cogaidh Hadadeser an aghaidh Thoi. Eabh. (5) naomhaich. (6) rinn. Eabh. (7) nan Sirianach. (8) eachdraiche. [TD 171] II. SAMUEL. CAIB. X. dha caoimhneas air son Ionatain? 2 Agus bha aig tigh Shauil seirbhiseach, d’am b’ainm Siba: agus an uair a ghairm iad e chum Dhaibhidh, thubhairt an righ ris, An tusa Siba? Agus thubhairt esan, Is e do sheirbhiseach a th’ann. 3 Agus thubhairt an righ, Nach ’eil fathast neach air bith do thigh Shauil, a chum gu nochd mi dha caoimhneas Dhé? Agus thubhairt Siba ris an righ, Tha fathast mac aig Ionatan, a tha bacach (1). 4 Agus thubhairt an righ ris, C’àit am bheil e? Agus thubhairt Siba ris an righ, Feuch, tha e ann an tigh Mhachir, mhic Amieil, ann an Lodebar. 5 Agus chuir righ Daibhidh fios air, agus thug se e a tigh Mhachir, mhic Amieil, o Lodebar. 6 A nis an uair a thàinig Mephiboset (2), mac Ionatain, mhic Shauil, a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset. Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach. 7 Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhuit caoimhneas air son t’athar Ionatain, agus aisigidh mi dhuit uile fhearann t’athar Shauil, agus ithidh tu aran aig mo bhord-sa an còmhnuidh. 8 Agus chrom se e féin, agus thubhairt e, Cò e do sheirbhiseach, gu’n amhairceadh tusa air cù marbh, cosmhuil riumsa? 9 An sin ghairm an righ air Siba òglach Shauil, agus thubhairt e ris, Gach ni a bhuineadh do Shaul, agus d’a thigh uile, thug mi do mhac do mhaighstir. 10 Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu féin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a stigh an toradh, a chum gu’m bi biadh aig mac do mhaighstir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset mac do mhaighstir aran an còmhnuidh aig mo bhòrd-sa. A nis bha aig Siba cùig mic dheug agus fichead seirbhiseach. 11 An sin thubhairt Siba ris an righ, A réir gach ni a dh’àithn mo thighearn an righ d’a sheirbhiseach, mar sin ni do sheirbhiseach: a thaobh Mhephiboset, ithidh esan aig a (3) bhord-san, mar aon do mhic an righ. 12 Agus bha aig Mhephiboset mac òg, d’am b’ainm Micha: agus bha iadsan uile a ghabh còmhnuidh ann an tigh Shiba ’nan seirbhisich do Mhephiboset. 13 Agus chòmhnuich Mephiboset ann an Ierusalem, oir dh’ith e an còmhnuidh aig bòrd an righ: agus bha e bacach air a dhà chois. CAIB. X. AGUS ’na dhéigh so fhuair righ chloinn Amoin bàs, agus rìoghaich a mhac Hanun ’na àit. 2 An sin thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi caoimhneas do Hanun mac Nahais, mar a nochd athair-san caoimhneas dhomhsa. Agus chuir Daibhidh uaith a sheirbhisich, a thoirt sò- (1) ciurramach ’na chosaibh. Eabh. (2) Merib-baal. (3) mo. [TD 172] II. SAMUEL. CAIB. X. lais da air son athar. Agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh a steach do thìr chloinn Amoin. 3 Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin re Hanun an tighearna, An saoil thu gur ann a chum urram a thabhairt do t’athair, a chuir Daibhidh a’t’ ionnsuidh luchd-sòlais? nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus g’a sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich a’t’ ionnsuidh? 4 Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bhearr e dhiubh leth am feusaig, agus ghearr e an eudach sa’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad. 5 Agus an uair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chuir e daoine ’nan coinneamh, a chionn gu’n robh nàire mhòr air na daoinibh: agus thubhairt an righ, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs bhur feusag, agus an sin pillibh. 6 Agus an uair a chunnaic clann Amoin gu’n robh iad gràineil (1) am fianuis Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uatha, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche (2), agus o righ Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà mhìle dheug fear. 7 Agus an uair a chuala Daibhidh sin, chuir e mach Ioab, agus uile shluagh nan daoine treuna. 8 Agus thàinig clann Amoin a mach, agus chuir iad an cath an ordugh aig dol a stigh a’ gheata (3): agus bha Sirianaich Shoba, agus Rehoib, agus Istoib, agus Maacah, leo féin anns a’ mhachair. 9 Agus an uair a chunnaic Ioab gu’n robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaobh agus air a chùlaobh, thagh e mach cuid do uile dhaoinibh taghta Israeil, agus chuir e ann an ordugh catha iad an aghaidh nan Sirianach. 10 Agus a’ chuid eile do’n t-sluagh thug e thairis do làimh a bhràthar Abisai, a chum gu’n cuireadh e an ordugh iad an aghaidh chloinn Amoin. 11 Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich ni’s treise na mise, an sin ni thusa còmhnadh riumsa: ach ma bhios clann Amoin ni’s treise na thusa, an sin thig mise a dheanamh còmhnaidh riutsa. 12 Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh, agus air son bhailtean ar Dé: agus deanadh an Tighearn an ni a ta maith ’na shùilibh. 13 Agus thàinig Ioab am fagus, agus an sluagh a bha maille ris, gu cath an aghaidh nan Sirianach: agus theich iad roimhe. 14 Agus an uair a chunnaic clann Amoin gu’n do theich na Sirianaich, an sin theich iadsan mar an ceudna roimh Abisai, agus chaidh iad a steach do’n bhaile: agus phill Ioab o chloinn Amoin, agus thàinig e gu h-Ierusalem. 15 Agus an uair a chunnaic na Sirianaich gu’n do bhuaileadh iad roimh Israel, chruinnich siad iad féin an ceann a chéile. 16 Agus chuir Hadadeser (4) fios uaith, agus thug e mach na Si- (1) breun. (2) fear-coise. (3) geata Mhedeba. (4) Hadareser. [TD 173] II. SAMUEL. CAIB. XI. rianaich a bh’air an taobh thall do’n abhuinn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach ceannard armailte Hadareseir rompa. 17 Agus an uair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile an ceann a chéile, agus chaidh e thar Iordan, agus thàinig e gu Helam; agus chuir na Sirianaich iad féin an ordugh catha an aghaidh Dhaibhidh, agus chog iad ris. 18 Agus theich na Sirianaich roimh Israel, agus mharbh Daibhidh do na Sirianaich fir sheachd ceud carbad, agus dà fhichead mìle marcach; agus bhuail e Sobach ceannard an armailte, a fhuair bàs an sin. 19 Agus an uair a chunnaic na righrean uile, a bha ’nan seirbhisich aig Hadadeser, gu’n do bhuaileadh iad roimh Israel, rinn iad sìth re h-Israel, agus rinn iad seirbhis dhoibh. Agus bha eagal air na Sirianaich còmhnadh a dheanamh tuille re cloinn Amoin. CAIB. XI. AGUS aig teachd mu’n cuairt (1) na bliadhna, mu’n àm anns an d’théid righrean a mach gu cath, chuir Daibhidh uaith Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad (2) Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem. 2 Agus thachair e mu fheasgar gu’n d’éirich Daibhidh bhàrr a leapach, agus gu’n robh e a’ spaisdearachd air mullach tighe an righ: agus o’n mhullach chunnaic e bean ’ga nigheadh féin, agus bha a’ bhean ro-mhaiseach re sealltuinn oirre. 3 Agus chuir Daibhidh fios, agus dh’fheòraich e mu thimchioll na mnà: agus thubhairt neach, Nach i so Batseba nighean Eliam, bean Uriah an Hitich? 4 Agus chuir Daibhidh uaith teachdairean, agus ghabh e i; agus thàinig i stigh d’a ionnsuidh, agus luidh e leatha, (oir bha i air a glanadh o a neo-ghloine;) agus phill i d’a tigh féin. 5 Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus chuir i fios uaithe (3), agus dh’innis i do Dhaibhidh, agus thubhairt i, Tha mi torrach. 6 Agus chuir Daibhidh fios uaith gu Ioab, ag ràdh, Cuir a m’ ionnsuidh Uriah an Hiteach. Agus chuir Ioab Uriah a dh’ionnsuidh Dhaibhidh. 7 Agus an uair a thàinig Uriah d’a ionnsuidh, dh’fheòraich Daibhidh dheth cionnus a bha Ioab, agus cionnus a bha ’n sluagh, agus cionnus a chaidh an cogadh air aghaidh. 8 Agus thubhairt Daibhidh re Uriah, Imich sìos do d’ thigh, agus nigh do chosan. Agus chaidh Uriah a mach a tigh an righ, agus chuireadh ’na dhéigh lòn béidh o’n righ. 9 Ach luidh (4) Uriah aig dorus tighe an righ, maille re uile sheirbhiseachaibh a thighearna, agus cha deachaidh e sìos d’a thigh. 10 Agus an uair a dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Cha deachaidh Uriah sìos d’a thigh, (1) ath-philleadh. (2) chog iad an aghaidh. (3) uaipe. (4) choidil. [TD 174] II. SAMUEL. CAIB. XI. thubhairt Daibhidh re Uriah, Nach ann o d’ thurus a thàinig thu? c’ar son ma ta nach deachaidh tu sìos do d’ thigh? 11 Agus thubhairt Uriah re Daibhidh, Tha’n àirc, agus Israel, agus Iudah a’ fantuinn am pàilliunaibh, agus tha mo thighearna Ioab, agus seirbhisich mo thighearna air campachadh air aghaidh na macharach; an d’théid mise ma ta a stigh do m’ thigh a dh’itheadh, agus a dh’òl, agus a luidhe le m’ mhnaoi? mar is beo thusa, agus mar is beo t’anam, cha dean mi an ni so. 12 Agus thubhairt Daibhidh re Uriah, Fan an so mar an ceudna an diugh, agus am màireach leigidh mi leat imeachd. Agus dh’fhan Uriah ann an Ierusalem an là sin, agus an là màireach. 13 Agus ghairm Daibhidh air, agus dh’ith agus dh’òl e ’na fhianuis, agus chuir e air mhisg e: ach chaidh e mach mu fheasgar a luidhe ’na leabaidh maille re seirbhisich a thighearna, agus d’a thigh féin cha deachaidh e sìos. 14 Agus anns a’ mhaduinn scrìobh Daibhidh litir a dh’ionnsuidh Ioaib, agus chuir e i le làimh Uriah. 15 Agus scrìobh e anns an litir, ag ràdh, Cuiribh Uriah mu choinneamh a’ chatha a’s déine, agus pillibh féin o chùlaobh, a chum gu’m buailear e, agus gu’m faigh e bàs. 16 Agus an uair a ghabh Ioab beachd air a’ bhaile, dh’orduich e Uriah a dh’ionnsuidh àite anns an robh fios aige gu’n robh daoine gaisgeil. 17 Agus chaidh fir a’ bhaile a mach, agus chog iad re Ioab; agus thuit cuid do’n t-sluagh, do sheirbhisich Dhaibhidh, agus fhuair Uriah an Hiteach bàs mar an ceudna. 18 An sin chuir Ioab fios uaith, agus dh’innis e do Dhaibhidh gach ni a thachair sa’ chath (1): 19 Agus dh’àithn e do’n teachdaire, ag ràdh, An uair a chuireas tu crìoch air gach ni a thachair sa’ chath innseadh do’n righ, 20 Agus ma thachaireas gu’n éirich fearg an righ, agus gu’n abair e riut, C’ar son a chaidh sibh teann air a’ bhaile a chathachadh? nach robh fios agaibh gu’n tilgeadh iad o’n bhalladh? 21 Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit (2)? nach do thilg bean mìr do chloich-mhuilinn air o’n bhalladh, air chor as gu’n d’fhuair e bàs ann an Tebes? c’ar son a chaidh sibh teann air a’ bhalladh? an sin their thusa, Tha do sheirbhiseach Uriah an Hiteach marbh mar an ceudna. 22 Agus dh’imich an teachdaire, agus thàinig agus dh’innis e do Dhaibhidh gach ni mu’n do chuir Ioab air falbh e. 23 Agus thubhairt an teachdaire re Daibhidh, Gu deimhin bhuadhaich na daoine oirn, agus thàinig iad a mach d’ar n-ionnsuidh sa’ mhachair, agus chuir sinn an ruaig orra (3) eadhon gu dol a stigh a’ gheataidh. (1) uile bhriathra, no uile nithe a’ chatha. Eabh. (2) Ierubaail. (3) chuir sinn ’nan aghaidh; bha sinn orra. Eabh. [TD 175] II. SAMUEL. CAIB. XII. 24 Agus thilg na fir-bhogha air do sheirbhisich o’n bhalladh, agus tha cuid do sheirbhisich an righ marbh, agus tha do sheirbhiseach Uriah an Hiteach marbh mar an ceudna. 25 An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar so their thu re Ioab, Na biodh an ni so olc a’d’ shùilibh: oir cuiridh an claidheamh as do aon duine co maith as do dhuin’ eile: dean do chath ni’s treise an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e; agus thoir misneach dha. 26 Agus an uair a chuala bean Uriah gu’n d’fhuair a fear Uriah bàs, rinn i caoidh air son a fir. 27 Agus an uair a bha’m bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i dh’ionnsuidh a thighe, agus bha i ’na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an ni a rinn Daibhidh olc ann an sùilibh an Tighearna. CAIB. XII. AGUS chuir an Tighearna Natan a dh’ionnsuidh Dhaibhidh; agus an uair a thàinig e d’a ionnsuidh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd. 2 Aig an duine bheartach bha ro-mhòran chaorach agus cruidh: 3 Ach aig an duine bhochd cha robh ni sam bith ach aon uan beag bainionn, a cheannaich e, agus a bheathaich e: agus dh’fhàs e suas maille ris féin, agus maille r’a chloinn; dh’ith e d’a ghreim (1) féin, agus dh’òl e as a chopan féin, agus luidh e ’na uchd, agus bha e dha mar nighinn. 4 Agus thàinig fear-turuis (2) a dh’ionnsuidh an duine bheartaich, agus chaomhain e gabhail d’a chaoraich féin, agus d’a chrodh féin, a dheasachadh air son an fhir-turuis a thàinig d’a ionnsuidh, ach ghabh e uan an duine bhochd, agus dheasaich se e do’n fhear a thàinig d’a ionnsuidh. 5 Agus las fearg Dhaibhidh an aghaidh an duine gu mòr; agus thubhairt e re Natan, Mar is beo an Tighearna, gu cinnteach cuirear gu bàs (3) am fear a rinn an ni so. 6 Agus dìolaidh (4) e ’n t-uan ceithir uairean (5), do bhrìgh gu’n d’rinn e an ni so, agus a chionn nach do chaomhain e (6). 7 Agus thubhairt Natan re Daibhidh. Is tusa an duine. Mar so tha ’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mise thu a’d’ righ os cionn Israeil, agus shaor mi thu a làimh Shauil. 8 Agus thug mi dhuit tigh do mhaighstir, agus mnài do mhaighstir ann ad uchd, agus thug mi dhuit tigh Israeil agus Iudah; agus nam bu bheag sin, bheirinn dhuit cuideachd an leithide so agus an leithide sud do nithibh. 9 C’ar son a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dheanamh ’na fhianuis? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu ’na mnaoi dhuit féin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin. 10 A nis uime sin cha dealaich an claidheamh re d’thigh (1) aran, bhiadh. (2) aoidhe. (3) tha e toilltinn a bhàis; is mac do’n bhàs e. Eabh. (4) aisigidh e, bheir e air ais. (5) ceithir-fillte. (6) nach robh iochd aige. [TD 176] II. SAMUEL. CAIB. XII. gu bràth, do bhrìgh gu’n d’rinn thu tàir orm, agus gu’n do ghabh thu bean Uriah an Hitich gu bi ’na mnaoi dhuit féin. 11 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thigh féin, agus ghabhaidh mi do mhnài fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad do d’ choimhearsnach, agus luidhidh e le d’ mhnaibh ann an sealladh na gréine so: 12 Oir rinn thusa e gu dìomhair; ach ni mise an ni so am fianuis Israeil uile, agus am fianuis na gréine. 13 Agus thubhairt Daibhidh re Natan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Natan re Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearn air falbh do pheacadh (1); cha’n fhaigh thu bàs. 14 Gidheadh, a chionn leis a’ ghnìomh so gu’n d’thug thu air naimhdibh an Tighearna mòr thàir a dheanamh air, gheibh mar an ceudna am mac a rugadh dhuit gu cinnteach bàs. 15 Agus dh’fhalbh Natan d’a thigh féin: agus bhuail an Tighearn an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro-thinn. 16 Uime sin ghuidh Daibhidh air Dia air son an leinibh, agus throisg Daibhidh, agus chaidh e stigh, agus luidh e rè na h-oidhche air an talamh. 17 Agus thàinig (2) seanairean a thighe d’a ionnsuidh, g’a thogail suas o’n talamh: ach cha b’àill leis, ni mò a dh’ith e aran maille riu. 18 Agus air an t-seachdamh là fhuair an leanabh bàs; agus bha eagal air seirbhisich Dhaibhidh innseadh dha gu’n robh an leanabh marbh: oir thubhairt iad, Feuch, an uair a bha ’n leanabh fathast beo, labhair sinn ris, agus cha’n éisdeadh e r’ar guth: cionnus ma ta, ma dh’innseas sinn dha gu bheil an leanabh marbh, a chràidheas se e féin (3)? 19 Ach an uair a chunnaic Daibhidh gu’n robh a sheirbhisich re cogarsaich, thuig Daibhidh gu’n robh an leanabh marbh: uime sin thubhairt Daibhidh r’a sheirbhisich, Am bheil an leanabh marbh? Agus thubhairt iadsan, Tha e marbh. 20 An sin dh’éirich Daibhidh o’n talamh, agus dh’ionnail agus dh’ung se e féin, agus mhùth (4) e eudach, agus chaidh e steach do thigh an Tighearna, agus rinn e aoradh: an sin thàinig e d’a thigh féin, agus an uair a dh’iarr e, chuir iad aran fa chomhair, agus dh’ith e. 21 An sin thubhairt a sheirbhisich ris, Ciod e an ni so a rinn thu? air son an leinibh, an uair a bha e beo, throisg thu agus ghuil thu; ach an uair a dh’eug an leanabh, dh’éirich thu agus dh’ith thu aran. 22 Agus thubhairt esan, An uair a bha’n leanabh fathast beo, throisg mi agus ghuil mi: oir thubhairt mi, Cò aig am bheil fios nach gabh Dia truas rium, agus nach mair an leanabh beo. 23 Ach a nis o fhuair e bàs, c’ar son a throisginn? an urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? (1) thug an Tighearn air do pheacadh dol thairis. Eabh. (2) dh’eirich. Eabh. (3) a ni e olc. Eabh. (4) dh’atharraich. [TD 177] II. SAMUEL. CAIB. XIII. théid mise d’a ionnsuidh-san, ach cha phill esan a m’ ionnsuidh-sa. 24 Agus thug Daibhidh sòlas d’a mhnaoi Batseba, agus chaidh e steach d’a h-ionnsuidh, agus luidh e leatha: agus rug i mac, agus thug e Solamh mar ainm air; agus ghràdhaich an Tighearn e. 25 Agus chuir e fios le làimh an fhàidh Natain, agus thug e Iedidiah mar ainm air, air son an Tighearna. 26 Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail. 27 Agus chuir Ioab teachdairean a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Chog mi an aghaidh Rabah, agus ghlac mi baile nan uisgeacha. 28 A nis uime sin cruinnich a’ chuid eile do’n t-sluagh, agus campaich an aghaidh a’ bhaile, agus glac e, air eagal gu’n glac mise am baile, agus gu’n d’thoirear m’ainm féin air. 29 Agus chruinnich Daibhidh an sluagh uile cuideachd, agus chaidh e gu Rabah, agus chog e ’na aghaidh, agus ghlac se e. 30 Agus thug e crùn an righ bhàrr a chinn (agus b’e a chothrom (1) talann òir, maille ris na clachaibh luachmhor (2)) agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh: agus thug e mach creach a’ bhaile ann am mòr phailteas. 31 Agus thug e mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fuidh shàbhan, agus fuidh innealan-bualaidh (3) iaruinn, agus fuidh thuaghan iaruinn, agus thug e orra dol tre àth nan clacha-creadha; agus mar so rinn e re uile bhailtibh chloinn Amoin. Agus phill Daibhidh agus an sluagh uile gu h-Ierusalem. CAIB. XIII. AGUS thachair an déigh so, gu’n robh aig Absalom mac Dhaibhidh piuthar mhaiseach, d’am b’ainm Tamar; agus ghràdhaich Amnon mac Dhaibhidh i. 2 Agus bha Amnon ann an airc co mhòr, as gu’n d’fhàs e tinn air son a pheathar Tamair; oir b’òigh i, agus bha e cruaidh ann an sùilibh Amnoin ni sam bith a dheanamh oirre. 3 Ach bha aig Amnon caraid, d’am b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthar Dhaibhidh: agus bha Ionadab ’na dhuine ro-sheòlta (4). 4 Agus thubhairt e ris, C’ar son a ta thusa, agus gur mac do’n righ thu, tana (5) mar so o là gu là? nach innis thu dhomhsa? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gràdh agam air Tamar, piuthar mo bhràthar Absaloim. 5 Agus thubhairt Ionadab ris, Luidh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhi tinn; agus an uair a thig t’athair g’ad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tamar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh a’m’ fhianuis, a chum gu’m faic mi e, agus gu’n ith mi as a làimh e. 6 Agus luidh Amnon sìos, agus leig e air a bhi tinn; agus an uair a thàinig an righ g’a fhaicinn, thubhairt Amnon ris (1) a luach, fhiach. (2) prìseil. (3) chliathan. (4) ro-ghlic. (5) a’ dol as an t-sealladh. [TD 178] II. SAMUEL. CAIB. XIII. an righ, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tamar, agus deanadh i dà bhreacaig a’m’ fhianuis, a chum gu’n ith mi as a làimh. 7 An sin chuir Daibhidh fios dhachaidh a dh’ionnsuidh Thamair, ag ràdh, Imich a nis gu tigh do bhràthar Amnoin, agus deasaich dha biadh. 8 Agus chaidh Tamar do thigh a bràthar Amnoin, (agus bha esan ’na luidhe) agus ghabh i min mhìn, agus thaoisinn (1) si i, agus rinn i breacagan ’na fhianuis, agus bhruich i na breacagan. 9 Agus ghabh i aghann, agus thaom i mach iad ’na fhianuis, ach dhiult esan itheadh. Agus thubhairt Amnon, Thugaibh a mach gach duine uam, agus thug (2) iad a mach gach duine uaith. 10 Agus thubhairt Amnon re Tamar, Thoir am biadh a steach do’n t-seòmar, a chum gu’n ith mi as do làimh. Agus ghabh Tamar na breacagan a rinn i, agus thug i iad do’n t-seòmar a dh’ionnsuidh a bràthar Amnoin. 11 Agus an uair a thug i iad d’a ionnsuidh chum an itheadh, rug e oirre, agus thubhairt e rithe, Thig, luidh leam, a phiuthar. 12 Agus fhreagair i e, Ni h-eadh, a bhràthair, na h-éignich mi; oir cha chòir a leithid so a bhi air a dheanamh ann an Israel: na dean-sa an amaideachd so. 13 Agus mise, c’àit an cuir mi air falbh mo mhasladh? agus air do shon-sa, bithidh tu mar aon do na h-amadanaibh (3) ann an Israel: a nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an righ; oir cha chum e uait mi. 14 Gidheadh, cha’n éisdeadh esan r’a guth; ach a chionn gu’m bu làidire e na ise, dh’éignich e i, agus luidh e leatha. 15 An sin dh’fhuathaich Amnon i le fuath ro-mhòr, air chor as gu’m bu mhò am fuath leis an d’fhuathaich e i, na’n gràdh leis an do ghràdhaich e i: agus thubhairt Amnon rithe, Eirich, bi ’g imeachd. 16 Agus thubhairt ise ris, Na bitheadh e mar sin, a bhràthair; oir is mò an t-olc so ’nam chur air falbh, na’n t-olc eile a rinn thu orm: ach cha’n éisdeadh esan rithe. 17 An sin ghairm e air òglach a fhritheil dha, agus thubhairt e, Cuir a nis a’ bhean so a mach uam, agus cuir an crann air an dorus ’na déigh. 18 Agus bha truscan (4) iomadh-dathach oirre; oir le leithid so do dheise bha nigheanan an righ a bha ’nan òighibh, air an sgeadachadh. An sin thug a sheirbhiseach a mach i, agus chrann e an dorus ’na déigh. 19 Agus chuir Tamar luath air a ceann, agus reub i an truscan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich. 20 Agus thubhairt a bràthair Absalom rithe, An robh do bhràthair Amnon maille riut? ach a nis, a phiuthar, bi d’ thosd; is e do bhràthair e; na cuireadh an ni so smuairean ort (5). Agus dh’fhan Tamar gu h-aon- (1) dh’fhuin. (2) chaidh. (3) do na daoinibh aingidh. (4) còta. (5) na cuir do chridhe air an ni so. [TD 179] II. SAMUEL. CAIB. XIII. aranach (1) ann an tigh a bràthar Absaloim. 21 Ach an uair a chuala righ Daibhidh na nithe so uile, bha fearg ro-mhòr air. 22 Agus cha do labhair Absalom re Amnon aon chuid olc no maith; oir dh’fhuathaich Absalom Amnon, a chionn gu’n d’éignich e a phiuthar Tamar. 23 Agus thachair an déigh dà bhliadhna iomlan, gu’n robh aig Absalom luchd-lomairt chaorach ann am Baal-hasor, a tha làimh re Ephraim: agus thug Absalom cuireadh do mhic an righ uile. 24 Agus thàinig Absalom a dh’ionnsuidh an righ, agus thubhairt e, Feuch a nis, tha luchd-lomairt chaorach aig do sheirbhiseach; thigeadh, guidheam ort, an righ agus a sheirbhisich maille re d’ sheirbhiseach. 25 Agus thubhairt an righ re Absalom, Ni h-eadh, a mhic, na rachamaid uile a nis, a chum nach bi sinn trom ort (2). Agus chuir e impidh air: gidheadh cha b’àill leis imeachd, ach bheannaich se e. 26 An sin thubhairt Absalom, Mur d’thig thu féin, thigeadh, guidheam ort, mo bhràthair Amnon maille ruinn. Agus thubhairt an righ, C’ar son a rachadh e maille riut? 27 Ach chuir Absalom impidh air; agus leig e le Amnon agus mic an righ uile dol maille ris. 28 A nis dh’àithn Absalom d’a òglachaibh, ag ràdh, Thugaibh fa’near a nis an uair a bhios cridhe Amnoin subhach le fion, agus an uair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? bithibh misneachail, agus bithibh treun. 29 Agus rinn òglaich Absaloim re h-Amnon, mar a dh’àithn Absalom: an sin dh’éirich mic an righ uile, agus chaidh gach fear dhiubh air a mhuileid, agus theich iad. 30 Agus an uair a bha iad air an t-slighe, thàinig sgeul a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, ag ràdh, Bhuail Absalom mic an righ uile, agus cha d’fhàgadh aon diubh beo. 31 An sin dh’éirich an righ, agus reub e eudach, agus luidh e air an talamh; agus sheas a sheirbhisich uile làimh ris le ’n eudach reubta. 32 Agus fhreagair Ionadab mac Shimeah, bràthar Dhaibhidh, agus thubhairt e, Na smuainicheadh (3) mo thighearna gu’n do mharbh iad na h-òganaich uile, mic an righ: oir tha Amnon a mhàin marbh, oir le Absalom (4) shuidhicheadh an ni so, o’n là anns an d’éignich e a phiuthar Tamar. 33 Agus a nis na gabhadh mo thighearn an righ an ni thuige d’a chridhe, a’ smuaineachadh gu bheil mic an righ uile marbh; oir tha Amnon a mhàin marbh. 34 Ach theich Absalom, agus thog an t-òganach a bha gleideadh na faire a shùilean, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha mòran sluaigh a’ teachd air an t-slighe air a chùlaobh o thaobh an t-sléibh. 35 Agus thubhairt Ionadab (1) gu h-uaigneach, dubhach. (2) costail dhuit. (3) Na h-abradh. Eabh. (4) le beul Absaloim. Eabh. [TD 180] II. SAMUEL. CAIB. XIV. ris an righ, Feuch, tha mic an righ a’ teachd: a réir focail do sheirbhisich, mar sin tha e. 36 Agus co luath as a sguir e do labhairt, feuch, thàinig mic an righ, agus thog iad suas an guth agus ghuil iad: agus ghuil mar an ceudna an righ, agus a sheirbhisich uile, le gùl ro-mhòr. 37 Ach theich Absalom, agus chaidh e dh’ionnsuidh Thalmai, mhic Amihud, righ Ghesuir: agus chuala Daibhidh sin, agus rinn e caoidh air son a mhic gach aon là. 38 Mar sin theich Absalom, agus chaidh e do Ghesur, agus bha e ’n sin tri bliadhna. 39 Agus mhiannaich anam righ Dhaibhidh dol a mach a dh’ionnsuidh Absaloim (1): oir fhuair e co’-fhurtachd a thaobh bàis Amnoin. CAIB. XIV. AGUS thuig Ioab, mac Sheruiah, gu’n robh cridhe an righ air (2) Absalom. 2 Agus chuir Ioab fios gu Tecoah, agus thug e as sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhi re bròn, guidheam ort, agus cuir ort a nis eudach bròin, agus na h-ung thu féin le h-oladh, ach bi mar mhnaoi a tha nis fada re bròn air son mairbh: 3 Agus théid thu a dh’ionnsuidh an righ, agus labhraidh tu ris air an dòigh so. Agus chuir Ioab na focail ’na beul. 4 Agus thàinig a’ bhean o Thecoah a dh’ionnsuidh an righ, agus thuit i air a h-aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd, agus thubhairt i, Cabhair orm, a righ. 5 Agus thubhairt an righ rithe, Ciod a tha teachd riut? Agus fhreagair ise, Gu deimhin is bantrach (3) mi; oir fhuair m’fhear bàs. 6 Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chuir iad a mach air a chéile san achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh se e. 7 Agus feuch, dh’éirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a chum as gu marbh sinn e air son anma a bhràthar a mharbh e, agus gu’n marbh sinn an t-oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’eibhleag a dh’fhàgadh, air chor as nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm, no iarmad air aghaidh na talmhainn. 8 Agus thubhairt an righ ris a’ mhnaoi, Imich a dh’ionnsuidh do thighe, agus bheir mise àithne mu d’ thimchioll. 9 Agus thubhairt a’ bhean o Thecoah ris an righ, Ormsa, a thighearn, a righ, bitheadh am peacadh, agus air tigh m’athar; agus bitheadh an righ agus a righ-chathair neo-chiontach. 10 Agus thubhairt an righ, Ge b’e neach a their ni sam bith riut, thoir a m’ ionnsuidhs’ e, agus cha bhean e riut ni’s mò. 11 An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an righ an Tighearna do Dhia, a chum as nach bi dioghaltairean na fola lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar is (1) sguir righ Daibhidh do dhol air tòir Absaloim. (2) an aghaidh. (3) baintreabhach. [TD 181] II. SAMUEL. CAIB. XIV. beo an Tighearna, cha tuit aon ròinneag (1) do fholt do mhic gu làr. 12 An sin thubhairt a’ bhean, Labhradh, guidheam ort, do bhanoglach aon fhocal re m’ thighearn an righ. Agus thubhairt esan, Abair romhad. 13 Agus thubhairt a’ bhean, C’ar son ma ta a smuainich thu a leithid so do ni an aghaidh sluaigh Dhé? oir tha’n righ a’ labhairt an ni so mar neach a tha ciontach, a chionn nach ’eil an righ a’ toirt fhògaraich air ais. 14 Oir bàsaichidh sinn gu deimhin, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a rìs: gidheadh cha’n àill le Dia beatha (2) a thoirt air falbh, ach smuainichidh e air meadhonaibh a chum nach fògair e fhògarach gu tur uaith. 15 Agus a nis gu bheil mi air teachd a labhairt re m’ thighearn an righ mu’n ni so, is ann a chionn gu’n do chuir an sluagh eagal orm: agus thubhairt do bhanoglach, Labhraidh mi nis ris an righ: theagamh gu’n dean an righ iarrtus a bhanoglaich. 16 Oir éisdidh an righ, a shaoradh a bhanoglaich a làimh an duine, leis am b’àill mi féin agus mo mhac a sgrios le chéile a mach a oighreachd Dhé. 17 An sin thubhairt do bhanoglach, Bithidh focal mo thighearn an righ a nis sòlasach: oir mar aingeal Dé, mar sin tha mo thighearn an righ, a thuigsinn maith agus uilc: agus bithidh an Tighearna do Dhia maille riut. 18 Agus fhreagair an righ, agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Na ceil orm, guidheam ort, an ni a dh’fheòraicheas mi dhìot. Agus thubhairt a’ bhean, Labhradh a nis mo thighearn an righ. 19 Agus thubhairt an righ, Nach ’eil làmh Ioaib maille riut anns an ni so uile? Agus fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Mar is beo t’anam, a thighearn, a righ, cha ’n’eil claonadh sam bith a dh’ionnsuidh na làimhe deise, no dh’ionnsuidh na làimhe clìthe, ann an ni air bith (3) a labhair mo thighearn an righ; oir do sheirbhiseach Ioab, is esan a dh’iarr ormsa; agus is esan a chuir ann am beul do bhanoglaich na briathra so uile. 20 A thoirt m’an cuairt a leithid so do chainnt, rinn do sheirbhiseach Ioab an ni so: agus tha mo thighearna glic, a réir gliocais aingil Dé, a thuigsinn gach ni a ta air an talamh. 21 Agus thubhairt an righ re Ioab, Feuch a nis, rinn mi an ni so: imich ma ta, thoir air ais an t-òganach Absalom. 22 Agus thuit Ioab air aghaidh gu làr, agus chrom se e féin, agus bheannaich e (4) do’n righ: agus thubhairt Ioab, An diugh tha fios aig do sheirbhiseach gu’n d’fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, mo thighearn, a righ; oir rinn an righ iarrtus a sheirbhisich. 23 Agus dh’éirich Ioab agus chaidh e gu Gesur, agus thug e Absalom gu h-Ierusalem. 24 Agus thubhairt an righ, Pilleadh e dh’ionnsuidh a thighe (1) fhuiltean. (2) anam. (3) cha’n fheud duine sam bith tionndadh a dh’ionnsuidh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, o ni air bith. (4) thug. (5) buidheachas. [TD 182] II. SAMUEL. CAIB. XV. féin, agus na faiceadh e mo ghnùis-sa. Agus phill Absalom a dh’ionnsuidh a thighe féin, agus cha ’n fhac’ e gnùis an righ. 25 Ach ann an Israel uile cha robh duine cho mhaiseach re Absalom: bha e re mholadh gu mòr: o bhonn a choise gu ruig mullach a chinn cha robh smal air bith air. 26 Agus an uair a bhearr e folt a chinn, (oir b’ann aig ceann gach bliadhna (1) a bhearr se e; a chionn gu’n robh e trom air, uime sin bhearr se e) chothromaich e folt a chinn aig dà cheud secel, a réir tomhais (2) an righ. 27 Agus rugadh do Absalom tri mic, agus aon nighean, d’am b’ainm Tamar: bha i ’na mnaoi sgiamhaich ’na gnùis. 28 Agus ghabh Absalom còmhnuidh ann an Ierusalem dà bhliadhna iomlan, agus cha’n fhac’ e gnùis an righ. 29 Uime sin chuir Absalom fios air Ioab, a chum a chur a dh’ionnsuidh an righ; ach cha b’àill leis teachd d’a ionnsuidh: agus an uair a chuir e fios a rìs an daradh uair, cha b’àill leis teachd. 30 Uime sin thubhairt e r’a sheirbhisich, Faicibh achadh Ioaib làimh re m’achadh-sa (3), agus eorna aig an sin; rachaibh, agus cuiribh re theine e. Agus chuir seirbhisich Absaloim an t-achadh re theine. 31 An sin dh’éirich Ioab, agus thàinig e dh’ionnsuidh Absaloim d’a thigh, agus thubhairt e ris, C’ar son a chuir do sheirbhisich m’achadh re theine? 32 Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios a t’ ionnsuidh, ag ràdh, Thig an so, agus cuiridh mi thu dh’ionnsuidh an righ, a ràdh, C’ar son a thàinig mi o Ghesur? bu mhaith dhomhsa gu’m bithinn fathast an sin: a nis ma ta faiceam gnùis an righ; agus ma tha eu-ceart sam bith annam, thugadh e fa’near mo mharbhadh. 33 Uime sin thàinig Ioab a dh’ionnsuidh an righ, agus dh’innis e sin da: agus ghairm e air Absalom, agus thàinig e dh’ionnsuidh an righ, agus chrom se e féin air aghaidh gu làr am fianuis an righ; agus phòg an righ Absalom. CAIB. XV. AGUS an déigh so dh’ulluich (4) Absalom dha féin carbadan, agus eich, agus leth-cheud fear gu ruith roimhe. 2 Agus dh’éirich Absalom gu moch, agus sheas e làimh re slighe a’ gheataidh: agus an uair a thigeadh neach air bith aig an robh comh-stri (5) a dh’ionnsuidh an righ chum breitheanais, an sin ghairmeadh Absalom air, agus theireadh e, Ciod am baile as am bheil thu? Agus theireadh esan, O aon do threubhaibh Israeil tha do sheirbhiseach. 3 Agus theireadh Absalom ris, Feuch, tha t’fhocail maith agus ceart, ach cha’n’eil neach air bith ann air orduchadh leis an righ gu éisdeachd riut: 4 Theireadh Absalom cuideachd, O nach robh mise air mo shuidheachadh a’m’bhreitheamh anns an tìr, a chum a m’ ionnsuidh-sa gu’n d’thigeadh gach (1) o cheann laithean gu laithibh. Eabh. (2) cloich. Eabh. (3) Faicibh cuibhrionn Ioaib aig mo làimh-sa. Eabh. (4) rinn. Eabh. (5) connsachadh, cùis-lagha. [TD 183] II. SAMUEL. CAIB. XV. duine aig am bheil comh-stri no cùis-lagha, agus dheanainn ceartas dha! 5 Agus an uair a thigeadh duine sam bith am fagus da a dheanamh ùmhlachd dha, chuireadh e mach a làmh, agus bheireadh e air, agus phògadh se e. 6 Agus air an dòigh so rinn Absalom re Israel uile a thàinig a chum breitheanais a dh’ionnsuidh an righ: agus ghoid Absalom cridheacha dhaoine Israeil. 7 Agus an ceann cheithir (1) bliadhna thubhairt Absalom ris an righ, Leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhòid a dhìoladh a bhòidich mi do’n Tighearn ann an Hebron: 8 Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid an uair a bha mi a’m’ chòmhnuidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a rìs gu h-Ierusalem, an sin ni mi seirbhis do’n Tighearna. 9 Agus thubhairt an righ ris, Imich ann an sìth. Agus dh’éirich e, agus chaidh e gu Hebron. 10 Ach chuir Absalom luchd-bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath as a chluinneas sibh fuaim na trompaide, an sin their sibh, Tha Absalom ’na righ ann an Hebron. 11 Agus maille re Absalom chaidh dà cheud fear a mach a h-Ierusalem, a ghairmeadh, agus dh’imich iad ann an treibhdhireas an cridhe, agus cha robh fios ni sam bith aca. 12 Agus chuir Absalom fios air Ahitophel an Gilonach, comhairliche Dhaibhidh, o a bhaile, eadhon o Ghiloh, an uair a bha e ag ìobradh ìobairtean: agus bha a’ cheannairc làidir; oir bha ’n sluagh a’ sìr-dhol an lìonmhoireachd maille re Absalom. 13 Agus thàinig teachdaire dh’ionnsuidh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha cridheacha fhear Israeil an déigh Absaloim. 14 Agus thubhairt Daibhidh r’a sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mur dean sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; luathaichibh agus imichibh, air eagal gu’n dean e cabhag, agus gu’m beir e oirn, agus gu’n tarruing e olc oirn, agus gu’m buail e ’m baile le faobhar a’ chlaidheimh. 15 Agus thubhairt seirbhisich an righ ris an righ, A réir gach ni a’s àill le m’ thighearn (2) an righ, feuch, ni do sheirbhisich. 16 Agus chaidh an righ a mach, agus a theaghlach uile ’na dhéigh (3): a mhàin dh’fhàg an righ deichnear bhan a bha ’nan coimh-leabachaibh aige, a ghleidheadh an tighe. 17 Agus chaidh an righ a mach, agus an sluagh uile ’na dhéigh: agus dh’fhan iad ann an àit a bha fad as (4). 18 Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sè ceud fear a thàinig ’na dhéigh o Ghat, thairis roimh an righ. 19 Agus thubhairt an righ re Itai an Giteach, C’ar son a tha (1) dhà fhichead bliadhna, dhà fhichead là. (2) a ròghnaicheas, a dh’orduicheas mo thighearn. (3) d’an cois. (4) Bet-mercc. Eabh. [TD 184] II. SAMUEL. CAIB. XV. thusa mar an ceudna dol maille ruinne; pill gu d’àit, agus fan maille ris an righ; oir is coigreach thu, agus mar an ceudna fògarach o d’àite féin (1). 20 An dé a mhain thàinig thu, agus an diugh an d’thoir mise ort dol air faontradh (2) maille ruinne? oir théid mise an taobh a tha mi gu dol: pill thusa, agus thoir air an ais do bhràithrean leat; agus gu nochdadh an Tighearna dhuit tròcair agus firinn. 21 Agus fhreagair Itai an righ, agus thubhairt e, Mar is beo an Tighearn, agus mar is beo mo thighearn an righ, gu cinnteach ge b’e àit anns am bi mo thighearn an righ, ma’s ann a chum bàis no chum beatha, eadhon an sin bithidh do sheirbhiseach. 22 An sin thubhairt Daibhidh re Itai, Imich, agus gabh thairis. Agus chaidh Itai an Giteach thairis, agus a dhaoine uile, agus a’ chlann bheag uile a bha maille ris. 23 Agus ghuil an tìr uile le guth ard, agus chaidh an sluagh uile thairis; chaidh an righ cuideachd thairis air sruth Chidroin, agus chaidh an sluagh uile thairis a làimh na slighe do’n fhàsach. 24 Agus feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lebhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coi’-cheangail Dé, agus shuidhich iad (3) àirc Dhé; agus chaidh Abiatar suas gus an do sguir an sluagh uile do dhol a mach as a’ bhaile. 25 Agus thubhairt an righ re Sadoc, Thoir air a h-ais àirc Dhé do’n bhaile: ma gheibh mi deagh-ghean ann an sùilibh an Tighearna, bheir e air m’ais mi, agus nochdaidh e dhomh e féin, agus àite-còmhnuidh. 26 Ach ma their e mar so, Cha ’n’eil tlachd agam annad; feuch, tha mise an so, deanadh e rium mar is maith leis. 27 Thubhairt an righ mar an ceudna re Sadoc an sagart, Nach fear-seallaidh thusa (4)? pill do’n bhaile ann an sìth, agus Ahimaas do mhac féin, agus Ionatan mac Abiatair, bhur dithis mac maille ribh. 28 Faicibh, fanaidh mise ann an còmhnardaibh (5) an fhàsaich, gus an d’thig focal uaibhse a thoirt fios domh. 29 Uime sin thug Sadoc agus Abiatar àirc Dhé a rìs h-Ierusalem; agus dh’fhan iad an sin. 30 Agus chaidh Daibhidh suas re uchdaich (6) sléibh nan oladh, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ’g imeachd cos-ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris gach fear dhiubh a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul. 31 Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd-ceannairc maille re Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu h-amaideachd. 32 Agus an uair a thàinig Daibhidh gu mullach an t-sléibh, far an d’rinn e aoradh do Dhia, (1) agus pillidh tu do d’ àite féin. (2) dol sìos agus suas. (3) leig iad sìos. (4) Nach ’eil thu a’ faicinn? (5) ann am bealaichibh. (6) bruthach, dìreadh. [TD 185] II. SAMUEL. CAIB. XVI. feuch, thàinig Husai an t-Arcach ’na choinneamh, le chòta reubta, agus ùir air a cheann. 33 Agus thubhairt Daibhidh ris, Ma théid thu thairis maille riumsa, an sin bithidh tu a’d’ eallaich orm. 34 Ach ma philleas tu do’n bhaile, agus ma their thu re Absalom, Bithidh mise a’m’ sheirbhiseach dhuit, a righ; bu sheirbhiseach do t’athair mi gu ruige so (1), agus a nis bithidh mi mar an ceudna a’m’ sheirbhiseach dhuitse; an sin bheir thu air mo shon-sa comhairle Ahitopheil gu neo-ni: 35 Agus nach ’eil maille riut an sin Sadoc agus Abiatar na sagairt? agus gach focal a chluinneas tu a tigh an righ, innsidh tu e do Shadoc agus do Abiatar na sagairt. 36 Feuch, tha ’n sin maille riu an dithis mac, Ahimaas mac Shadoic, agus Ionatan mac Abiatair: agus le’n làimh-san cuiridh sibh a m’ ionnsuidh-sa gach focal a chluinneas sibh. 37 Uime sin thàinig Husai caraid Dhaibhidh do’n bhaile, agus thàinig Absalom gu h-Ierusalem. CAIB. XVI. AGUS an uair a chaidh Daibhidh beagan thar mullach an t-sléibh, feuch, thàinig Siba òglach Mhephiboset ’na choinneamh le dà asail air an dìollaideachadh (2), agus dà cheud builionn arain orra, agus ceud bagaide do fhìon-dhearcaibh tiormaichte, agus ceud do mheas samhraidh, agus searrag fhìona. 2 Agus thubhairt an righ re Siba, Ciod is ciall duit leo sin? Agus thubhairt Siba, Tha na h-asail air son teaghlaich an righ chum marcachd; agus an t-aran agus am meas samhraidh air son nan òganach chum an itheadh; agus am fìon, a chum as gu’n òl esan a bhios sgìth (3) anns an fhàsach. 3 Agus thubhairt an righ, Agus c’àit am bheil mac do mhaighstir? Agus thubhairt Siba ris an righ, Feuch, tha e fantuinn ann an Ierusalem; oir thubhairt e, An diugh aisigidh tigh Israeil dhomhsa rìoghachd m’athar. 4 An sin thubhairt an righ re Siba, Feuch, is leatsa gach ni a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gu’m faigh mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, a thighearn, a righ. 5 Agus an uair a thàinig righ Daibhidh gu Bahurim, feuch, a sin thàinig a mach duine do theaghlach tighe Shauil, d’am b’ainm Simei, mac Ghera: thàinig e mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh. 6 Agus thilg e clachan air Daibhidh, agus air seirbhisich righ Daibhidh uile; agus bha ’n sluagh uile, agus na daoine treuna uile, air a làimh dheis agus air a làimh chli. 7 Agus mar so thubhairt Simei an uair a mhallaich se e, Thig a mach, thig a mach, thus’ a dhuine fhuileachdaich, agus a dhuine le Belial. 8 Dhìol an Tighearn ortsa uile fhuil tighe Shauil, an àit an do rìoghaich thu; agus thug an Tighearn an rìoghachd do (1) o cheann fada. (2) le’n acfuinn orra. (3) lag, fann. [TD 186] II. SAMUEL. CAIB. XVI. làimh do mhic Absaloim: agus feuch, ghlacadh thu ann ad olc féin, a chionn gur duine fuileachdach thu. 9 An sin thubhairt Abisai mac Sheruiah ris an righ, C’ar son a mhallaicheadh an cù marbh so mo thighearn an righ? leig dhomh dol a nunn, guidheam ort, agus a cheann a thoirt deth. 10 Agus thubhairt an righ, Ciod e mo ghnothuch-sa ribhse (1), a mhaca Sheruiah? leigibh leis mallachadh, a chionn gu’n d’thubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, C’ar son a rinn thu mar so? 11 Agus thubhairt Daibhidh re Abisai, agus r’a sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a mach a m’innibh, ag iarraidh m’anma; agus cia mòr is mò a nis a dh’fheudas am Beniamineach so? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearn air. 12 Theagamh gu’n amhairc an Tighearn air m’àmhghar, agus gu’n dìol an Tighearna dhomh maith air son a mhallachaidh air an la ’n diugh. 13 Agus an uair a dh’imich Daibhidh agus a dhaoine air an t-slighe, dh’imich Simei air slios (2) an t-sléibh làimh ris (3), a’ dol air aghaidh agus a’ mallachadh, agus thilg e clachan agus ùir air. 14 Agus thàinig an righ agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin. 15 Agus thàinig Absalom agus uile shluagh fhear Israeil, gu h-Ierusalem, agus Ahitophel maille ris. 16 Agus an uair a thàinig Husai an t-Arcach, caraid Dhaibhidh, a dh’ionnsuidh Absaloim, thubhairt Husai re Absalom, Gu ma fada beo an righ, gu ma fada beo an righ. 17 Agus thubhairt Absalom re Hufai, An e so do chaoimhneas re d’ charaid? c’ar son nach deachaidh tu maille re d’ charaid? 18 Agus thubhairt Husai re Absalom, Ni h-eadh; ach ge b’e neach a thaghas an Tighearna, agus an sluagh so, agus fir Israeil uile, leis-san bithidh mise, agus maille ris fanaidh mi. 19 Agus san daradh àite, cia dha a dheanainn seirbhis? nach ann an làthair a mhic? mar a rinn mi seirbhis ann an làthair t’athar, mar sin bithidh mi a’d’ làthair-sa. 20 An sin thubhairt Absalom re Ahitophel, Thugaibh comhairle ’nar measg ciod a ni sinn. 21 Agus thubhairt Ahitophel re Absalom, Gabh a stigh a dh’ionnsuidh choimh-leabach t’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an tighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil do t’athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut. 22 Agus sgaoil iad bùth do Absalom air mullach an tighe; agus chaidh Absalom a steach a dh’ionnsuidh choimh-leabach athar ann an sealladh Israeil uile. 23 Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na laithibh sin, mar gu’m fiosraicheadh duine do fhocal Dhé: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil, araon aig Daibhidh agus aig Absalom. (1) Ciod e dhomhsa agus dhuibhse. Eabh. (2) taobh. (3) fa chomhair. [TD 187] II. SAMUEL. CAIB. XVII. CAIB. XVII. AGUS thubhairt Ahitophel re Absalom, Leig dhomh a nis dà mhìle dheug fear a thaghadh a mach, agus éiridh mi, agus théid mi air tòir Dhaibhidh an nochd. 2 Agus thig mi air an uair a tha e sgìth agus lag-làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an righ a mhàin. 3 Agus bheir mi air an ais an sluagh uile a t’ionnsuidh-sa: tha ’n duine a tha thu ag iarraidh mar gu’m pilleadh an t-iomlan: agus bithidh an sluagh uile ann an sìth. 4 Agus thaitinn a’ chainnt re Absalom (1), agus re seanairibh Israeil uile. 5 Agus thubhairt Absalom, Gairm a nis mar an ceudna air Husai an t-Arcach, agus cluinneamaid mar an ceudna ciod a their esan (2). 6 Agus thàinig Husai a dh’ionnsuidh Absaloim, agus labhair Absalom ris, ag ràdh, Air an dòigh so labhair Ahitophel: an dean sinn a réir fhocail, no nach dean? labhair thusa. 7 Agus thubhairt Husai re Absalom, Cha ’n’eil a’ chomhairle a thug Ahitophel, maith air an uair so. 8 Oir, arsa Husai, is aithne dhuit t’athair agus a dhaoine, gur daoine treun iad agus air am feargachadh ’nan spiorad (3), mar mhath-ghamhuin o’n d’thugadh a cuileana anns a’ mhachair: agus is fear-cogaidh (4) t’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t-sluagh. 9 Feuch, tha e nis am folach ann an slochd éigin, no ann an àit éigin eile: agus tachairidh, an uair a thuiteas cuid diubh an toiseach, ge b’e neach a chluinneas e, gu’n abair e, Tha àr am measg an t-sluaigh a tha leantuinn Absaloim. 10 Agus esan mar an ceudna a tha ’na dhuine treun, aig am bheil a chridhe mar chridhe leòmhain, leaghaidh e gu tur: oir tha fios aig Israel uile gur duine treun t’athair, agus gur daoine treun iadsan a tha maille ris. 11 Air an aobhar sin is i mo chomhairle-sa, Gu’n cruinnichear Israel uile a t’ionnsuidh, o Dhan eadhon gu Beer-seba, mar an gaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhoireachd, agus gu’n d’théid thu féin (5) maille riu do’n chath. 12 Agus thig sinn air ge b’e àit am faighear e, agus tuitidh sinn air mar a thuiteas an drùchd air an talamh: agus cha’n fhàgar dheth féin, agus do na fir uile a tha maille ris, eadhon aon. 13 Agus ma théid e a steach do bhaile, an sin bheir fir Israeil uile cuird leo a dh’ionnsuidh a’ bhaile sin, agus tairngidh sinn e do’n abhuinn (6), gus nach fàgar an sin aon chlach bheag. 14 Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fearr comhairle Husai an Arcaich na comhairle Ahitopheil: oir dh’orduich an Tighearna comhairle mhaith Ahitopheil a thoirt gu (1) bha am focal ceart ann an sùilibh Absaloim. Eabh. (2) ciod a tha ’na bheul-san. Eabh. (3) garg ’nan inntinn. (4) fear deanta re cogadh. (5) do ghnùis fein. Eabh. (6) do’n t-sruth. [TD 188] II. SAMUEL. CAIB. XVII. neo-ni, a chum gu’n d’thugadh an Tighearn olc air Absalom. 15 An sin thubhairt Husai re Sadoc agus re Abiatar na sagairt, Mar so agus mar so chomhairlich Ahitophel Absalom agus seanairean Israeil; agus mar so agus mar so chomhairlich mise. 16 A nis uime sin cuiribh fios gu grad, agus innsibh do Dhaibhidh, ag ràdh, Na fan an nochd ann an còmhnardaibh an fhàsaich, ach gabh thairis gu luath, air eagal gu’n sluigear suas an righ, agus an sluagh uile a tha maille ris. 17 Agus dh’fhan Ionatan agus Ahimaas làimh re En-rogel, agus chaidh cailin agus dh’innis i dhoibh; agus chaidh iadsan agus dh’innis iad do righ Daibhidh: oir cha’n fheudadh iad a bhi air am faicinn a’ dol a stigh do’n bhaile. 18 Gidheadh chunnaic òganach iad, agus dh’innis e do Absalom: ach dh’imich iadsan le chéile gu luath, agus thàinig iad gu tigh duine ann am Bahurim, aig an robh tobar ’na chùirt (1), agus chaidh iad sìos an sin. 19 Agus ghabh a’ bhean còmhdach agus sgaoil i e air beul an tobair, agus chuir i gràn meilte (2) air; agus cha d’aithnicheadh an ni. 20 Agus an uair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsuidh na mnà do’n tigh, thubhairt iad, C’àit am bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t-sruthan uisge. Agus an uair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, phill iad gu h-Ierusalem. 21 Agus an uair a dh’fhalbh iad, thàinig iadsan a nìos as an tobar, agus chaidh iad agus dh’innis iad do righ Daibhidh, agus thubhairt iad re Daibhidh, Eiribh, agus rachaibh gu grad thar an uisge; oir mar so chomhairlich Ahitophel ’nar n-aghaidh-sa. 22 Agus dh’éirich Daibhidh, agus an sluagh uile a bha maille ris, agus chaidh iad thar Iordan gu solus na maidne, gus nach robh aon diubh nach deachaidh thar Iordan. 23 Agus an uair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air asail, agus dh’éirich e, agus dh’imich e dh’ionnsuidh a thighe, d’a bhaile féin, agus thug e àitheanta d’a theaghlach (3), agus chroch se e féin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh athar. 24 An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim: agus chaidh Absalom thar Iordan, e féin agus fir Israeil uile maille ris. 25 Agus rinn Absalom Amasa ’na cheannard air an t-sluagh an àit Ioaib: agus b’e Amasa mac duine, d’am b’ainm Itra Israeleach (4), a chaidh a steach gu Abigail, nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthar Ioaib. 26 Agus champaich Israel agus Absalom ann am fearann Ghilead. 27 Agus an uair a thàinig Daibhidh gu Mahanaim, thug Sobi mac Nahais o Rahab chloinn Amoin, agus Machir mac Amieil o Lodebar, agus Barsillai an Gileadach o Rogelim, (1) loinn; court. Sasg. (2) blethte. (3) chuir e a theaghlach an ordugh. (4) Iesraeleach. [TD 189] II. SAMUEL. CAIB. XVIII. 28 Leapaichean, agus cuachan, agus soithichean creadha, agus cruithneachd, agus eorna, agus min mhìn, agus gràn cruaidhichte, agus pònair (1), agus gall pheasair, agus peasair chruaidhichte, 29 Agus mil, agus im, agus caoraich, agus càise cruidh air son Dhaibhidh, agus air son an t-sluaigh a bha maille ris, a chum an itheadh; oir thubhairt iad, Tha’n sluagh ocrach, agus sgìth, agus ìotmhor (2) anns an fhàsach. CAIB. XVIII. AGUS dh’àireamh Daibhidh an sluagh a bha maille ris, agus chuir e ceannardan mhìltean agus ceannardan cheudan os an cionn. 2 Agus chuir Daibhidh a mach trian do’n t-sluagh fuidh làimh Ioaib, agus trian fuidh làimh Abisai, mhic Sheruiah, bràthar Ioaib; agus trian fuidh làimh Itai a’ Ghitich: agus thubhairt an righ ris an t-sluagh, Gu deimhin théid mi féin mar an ceudna mach maille ribh. 3 Ach fhreagair an sluagh, Cha d’théid thu mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn (3); agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a nis a ta thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a nis is fearr gu’n deanadh tusa còmhnadh (4) ruinn a mach as a’ bhaile. 4 Agus thubhairt an righ riu, An ni sin a tha ceart ’nar sùilibh, ni mise. Agus sheas an righ làimh ris a’ gheatadh, agus thàinig an sluagh uile a mach ’nan ceudaibh agus ’nam mìltibh. 5 Agus dh’àithn an righ do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu mìn air mo sgàthsa ris an òganach, re Absalom. Agus chual’ an sluagh uile ’nuair a dh’àithn an righ do na ceannardaibh uile a thaobh Absaloim. 6 Agus chaidh an sluagh a mach do’n mhachair an aghaidh Israeil: agus bha’n cath ann an coille Ephraim. 7 Agus mharbhadh an sin sluagh Israeil roimh sheirbhisich Dhaibhidh, agus bha ’n sin air an là sin àr mòr fhichead mìle fear: 8 Oir bha’n cath an sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh. 9 Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a steach fuidh gheuga tiugha craoibhe mòire daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fuidhe roimpe. 10 Agus chunnaic duine àraidh so, agus dh’innis e do Ioab, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi Absalom crochta ann an craoibh dharaich. 11 Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus feuch, chunnaic thu e, agus c’ar son nach do bhuail thu e ’n sin gu làr (5), agus bheirinnse dhuit (1) pànoir. (2) pàiteach. (3) cha chuir iad an cridhe oirn. Eabh. (4) congnamh. Eir. (5) c’ar son nach do bhuail thu e, agus nach do thilg thu e sìos gu làr? [TD 190] II. SAMUEL. CAIB. XVIII. deich seceil airgid (1), agus crios? 12 Agus thubhairt an duine re Ioab, Ge do gheibhinnse mìle secel airgid ann mo làimh, cha chuirinn mo làmh a mach an aghaidh mic an righ: oir ’nar n-éisdeachd dh’àithn an righ dhuitse, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Gleidhibh dhomh an t-òganach Absalom. 13 No dheanainn eucoir (2) an aghaidh m’anma (3) féin; oir cha ’n’eil ni air bith am folach air an righ, agus sheasadh tusa féin a’m’ aghaidh. 14 An sin thubhairt Ioab, Cha’n fheud mise fuireach mar so maille riut. Agus ghabh e tri gathan ’na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, an uair a bha e fathast beo ann am meadhon (4) na craoibhe daraich. 15 Agus chuairtich deichnear òganach a bha ’g iomchar arm Ioaib, agus bhuail iad Absalom, agus mharbh iad e. 16 Agus shéid Ioab an trompaid, agus phill an sluagh o ruagadh Israeil; oir chum Ioab air ais an sluagh. 17 Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an slochd mòr anns a’ choille, agus chuir iad carn ro-mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsuidh a bhùtha. 18 A nis ghabh Absalom, an uair bu bheo e, agus chuir e suas dha féin carragh, a tha ann an gleann an righ; oir thubhairt e, Cha ’n’eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e ainm féin air a’ charragh, agus theirear ris gu ruig an la ’n diugh, Clach-chuimhneachain Absaloim (5). 19 An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a nis, agus sgeul (6) a thoirt a dh’ionnsuidh an righ, gu’n do shaor an Tighearn e a làimh a naimhde (7). 20 Agus thubhairt Ioab ris, Cha d’thoir thu sgeul leat an diugh, ach bheir thu sgeul leat là eile: ach an diugh cha d’thoir thu sgeul leat, a chionn gu bheil mac an righ marbh. 21 Agus thubhairt Ioab re Cusi, Falbh, innis do’n righ ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e féin do Ioab, agus ruith e. 22 An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a rìs re Ioab, Ach gidheadh (8), leig dhomhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an déigh Chusi. Agus thubhairt Ioab, C’ar son a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaradh sgeul sam bith dhuit (9). 23 Ach gidheadh, ars’ esan, leig dhomh ruith. Agus thubhairt e ris, Ruith. Agus ruith Ahimaas rathad a’ chòmhnaird, agus chaidh e seachad air Cusi. 24 Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheatadh, agus chaidh am fear-faire suas gu mullach a’ gheataidh, air a’ bhalladh; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus feuch, duine a’ ruith ’na aonar. 25 Agus ghlaodh am fear-faire, agus dh’innis e do’n righ. Agus thubhairt an righ, Ma tha (1) agus bhiodh e mar fhiacha ormsa deich seceil airgid a thoirt duit. Eabh. (2) breug, cealg. (3) mo bheatha. (4) ann an cridhe. Eabh. (5) Aite; làmh. Eabh. (6) deagh sgeula, teachdaireachd mhaith. (7) gu’n do dhìol an Tighearn e air a naimhdibh. (8) ciod air bith a thachaireas. (9) agus gun sgeul sam bith deas agad. [TD 191] II. SAMUEL. CAIB. XIX. e ’na aonar, tha sgeul aige ’na bheul. Agus dh’imich e air aghaidh, agus thàinig e am fagus. 26 Agus chunnaic am fear-faire duine eile a’ ruith, agus ghlaodh am fear-faire ris an dorsair, agus thubhairt e, Feuch, tha duine eile a’ ruith ’na aonar. Agus thubhairt an righ, Tha esan mar an ceudna a’ toirt sgéil. 27 Agus thubhairt am fear-faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ cheud duine mar ruith Ahimaais, mhic Shadoic. Agus thubhairt an righ, Is duine maith esan, agus is ann le sgeul maith a tha e a’ teachd. 28 Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an righ, Tha gach ni gu maith (1). Agus chrom se e féin sìos do’n righ air aghaidh dh’ionnsuidh na talmhainn, agus thubhairt e, Gu ma beannuichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearn an righ. 29 Agus thubhairt an righ, Am bheil an t-òganach Absalom tèaruinte? Agus fhreagair Ahimaas, An uair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an righ, agus mise do sheirbhiseach (2), chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fios agam ciod e. 30 Agus thubhairt an righ ris, Tionndaidh a leth-taobh, agus seas an so. Agus thionndaidh e a leth-taobh, agus sheas e. 31 Agus feuch, thàinig Cusi, agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul do m’ thighearn, an righ, gu’n do shaor an Tighearn thusa an diugh a làimh nan uile (3) a dh’éirich suas a’d’ aghaidh. 32 Agus thubhairt an righ re Cusi, Am bheil an t-òganach Absalom tèaruinte? Agus fhreagair Cusi, Gu robh naimhdean mo thighearn an righ, agus iadsan uile a dh’éirich suas a’t’ aghaidh a dheanamh do chroin, mar a tha an t-òganach sin. 33 Agus ghluaiseadh an righ gu mòr (4), agus chaidh e suas do’n t-seòmar os cionn a’ gheataidh, agus ghuil e; agus ag imeachd dha, thubhairt e mar so, A mhic Absaloim, a mhic, a mhic Absaloim! O nach mise féin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic! CAIB. XIX. AGUS dh’innseadh do Ioab, Feuch, tha’n righ a’ gul agus a’ caoidh air son Absaloim. 2 Agus bha a’ bhuaidh air an là sin air a tionndadh gu caoidh do’n t-sluagh uile; oir chual’ an sluagh ’ga ràdh air an là sin, Tha ’n righ fa thuirse air son a mhic. 3 Agus ghoid an sluagh air an là sin a steach do’n bhaile, mar a ghoideas sluagh air falbh agus iad fa nàire, an uair a theicheas iad ann an cath. 4 Ach dh’fholaich an righ aghaidh, agus ghlaodh an righ le guth ard, A mhic Absaloim, Absaloim, a mhic, a mhic! 5 Agus thàinig Ioab a steach a dh’ionnsuidh an righ do’n (1) sìth. Eabh. (2) An uair a chuir seirbhiseach an righ Ioab air falbh do sheirbhiseach. (3) oir dhìol an Tighearn thusa an diugh orra-san uile. (4) bha’n righ fa thuirse mhòir. [TD 192] II. SAMUEL. CAIB. XIX. tigh, agus thubhairt e, Chuir thu nàire an diugh air aghaidhibh do sheirbhiseach uile, a shaor t’anam an diugh, agus anmanna do mhac, agus do nighean, agus anmanna do bhan, agus anmanna do choimh-leabach: 6 A chionn gu bheil gràdh agad dhoibhsan aig am bheil fuath dhuit, agus gu bheil fuath agad dhoibhsan aig am bheil gràdh dhuit: oir nochd thu an diugh nach ’eil suim agad do cheannardaibh, no do sheirbhisich; oir tha mi tuigsinn an diugh, nam biodh Absalom beò, agus nam bitheamaidne uile marbh an diugh, an sin gu’m bitheadh e ceart a’d’ shùilibh. 7 A nis uime sin éirich, falbh a mach, agus labhair gu caoimhneil re d’ sheirbhisich (1): oir bheireamsa mo mhionnan air an Tighearna, mur d’théid thu mach, nach fan duine maille riut an nochd; agus bithidh sin ni’s miosa dhuit na gach olc a thàinig ort o t’òige gus a nis. 8 An sin dh’éirich an righ, agus shuidh e anns a’ gheatadh. Agus dh’innis iad do’n t-sluagh uile, ag ràdh, Feuch, tha’n righ ’na shuidhe anns a’ gheatadh: agus thàinig an sluagh uile am fianuis an righ. Agus theich Israel, gach fear a dh’ionnsuidh a bhùtha. 9 Agus bha’n sluagh uile re connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an righ sinn a làimh ar naimhde, agus shaor e sinn a làimh nam Philisteach, agus a nis tha e air teicheadh as an tìr roimh Absalom. 10 Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a nis ma ta c’ar son a tha sibh tosdach mu’n righ a thoirt air ais? 11 Agus chuir righ Daibhidh fios gu Sadoc agus gu Abiatar na sagairt, ag ràdh, Labhraibh re seanairibh Iudah, ag ràdh, C’ar son a tha sibhse air dheireadh a thoirt an righ air ais d’a thigh? (agus gu’n d’thàinig cainnt Israeil uile dh’ionnsuidh an righ d’a thigh) 12 Is sibhse mo bhràithre, is sibh mo chnàmhan agus m’fheoil: c’ar son ma ta a tha sibh air dheireadh a thoirt an righ air ais? 13 Agus re h-Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheoil? Mar sin gu’n deanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mur bi thusa a’d’ cheannard air an t-sluagh a’m’ làthàirs’ an còmhnuidh an àit Ioaib? 14 Agus dh’aom e cridheacha fheara Iudah uile, mar chridhe aon duine, air chor as gu’n do chuir iad am fios so dh’ionnsuidh an righ, Pill féin agus do sheirbhisich uile. 15 Uime sin phill an righ, agus thàinig e gu Iordan, agus thàinig Iudah gu Gilgal, a dhol an coinneamh an righ, gus an righ a thoirt thar Iordan. 16 Agus luathaich Simei mac Ghera, Beniamineach, a bha o Bhahurim, agus thàinig e nuas maille re fearaibh Iudah an coinneamh righ Daibhidh. 17 Agus bha mìle fear do Bheniamin maille ris, agus Siba òglach tighe Shauil, agus a chùig mic dheug, agus fhichead (1) labhair re cridhe do sheirbhiseach. Eabh. [TD 193] II. SAMUEL. CAIB. XIX. seirbhiseach maille ris: agus chaidh iad thar Iordan roimh an righ. 18 Agus chaidh bàt-aisig a nunn (1) a thoirt teaghlaich an righ thairis, agus a dheanamh an ni bu mhaith leis: agus thuit Simei mac Ghera, sìos am fianuis an righ, ’nuair a thàinig e thar Iordan; 19 Agus thubhairt e ris an righ, Na cuireadh mo thighearn eu-ceart as mo leth, agus na cuimhnich an ni a rinn do sheirbhiseach gu h-an-dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearn an righ a mach a h-Ierusalem, air chor as gu’n gabhadh an righ e g’a chridhe. 20 Oir tha fios aig do sheirbhiseach gu’n do pheacaich mi: uime sin, feuch, thàinig mi an diugh an ceud duine do thigh Ioseph uile, a dhol sìos an coinneamh mo thighearn an righ. 21 Ach fhreagair Abisai mac Sheruiah, agus thubhairt e, Nach cuirear air a shon so Simei gu bàs, a chionn gu’n do mhallaich e aon ungta an Tighearna? 22 Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothuch-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gu’m bitheadh sibh an diugh ’nar n-eascairdibh dhomh? an cuirear an diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? oir nach ’eil fhios agam gu bheil mi an diugh a’m’ righ os cionn Israeil? 23 Agus thubhairt an righ re Simei, Cha’n fhaigh thu bàs: agus mhionnaich an righ dha. 24 Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil (2), a nuas an coinneamh an righ, agus cha do dheasaich (3) e a chosan, agus cha do chuir e snas air (4) fheusaig, agus cha do nigh e eudach o’n là anns an do thriall an righ, gus an là anns an d’thàinig e rìs ann an sìth. 25 Agus an uair a thàinig e gu h-Ierusalem an coinneamh an righ, an sin thubhairt an righ ris; C’ar son nach deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset? 26 Agus fhreagair esan, A thighearn, a righ, mheall mo sheirbhiseach mi; oir thubhairt do sheirbhiseach, Cuiridh mi dìollaid dhomh féin air asail (5), agus marcaichidh mi oirre, agus théid mi dh’ionnsuidh an righ, a chionn gu bheil do sheirbhiseach bacach. 27 Agus chùl-chàin esan do sheirbhiseach re m’ thighearn an righ; ach tha mo thighearn an righ mar aingeal Dé: dean uime sin an ni sin a ta maith a’d’ shùilibh. 28 Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach ’nan daoinibh marbha (6) am fianuis mo thighearn an righ; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach ’nam measg-san a dh’ith aig do bhord féin: ciod ma ta a’ chòir a th’agamsa tuilleadh air glaodhaich ni’s mò ris an righ? 29 Agus thubhairt an righ ris, C’ar son a labhras tu ni’s mò mu d’ ghnothuichibh (7)? thubhairt mise, Roinnidh tusa agus Siba am fearann. 30 Agus thubhairt Mephiboset ris an righ, Seadh, gabhadh e an t-iomlan, o thàinig mo (1) rinn iad gach ni deas. (2) mac Ionatain, mhic Shauil. (3) cha do nigh. (4) dheasaich e. (5) Cuir dìollaid dhomh air asail. (6) buailteach do’n bhàs. (7) a labhras tu ni’s mò do bhriathra? [TD 194] II. SAMUEL. CAIB. XIX. thighearn an righ a ris ann an sìth d’a thigh féin. 31 Agus thàinig Barsillai an Gileadach a nuas o Rogelim, agus chaidh e thar Iordan maille ris an righ, chum a chur thar Iordan. 32 A nis bha Barsillai ’na dhuine ro-shean, ceithir fichead bliadhna dh’aois, agus thug esan lòn do’n righ (1) an uair a dh’fhan e ann am Mahanaim; oir bu duine ro-mhòr e. 33 Agus thubhairt an righ re Barsillai, Thig-sa thairis maille rium, agus beathaichidh mi thu maille rium féin ann an Ierusalem. 34 Agus thubhairt Barsillai ris an righ, Cia fad a th’agamsa re bhi beo (2), gu’n rachainn suas maille ris an righ gu h-Ierusalem? 35 Tha mi an diugh ceithir fichead bliadhna dh’aois: an urrainn mise aithneachadh eadar maith agus olc? an urrainn do sheirbhiseach na dh’itheas no na dh’òlas mi a bhlasadh? an urrainn mise tuilleadh guth fhear agus bhan a sheinneas a chluinntinn? c’ar son ma ta a bhiodh do sheirbhiseach fathast ’na eire (3) air mo thighearn an righ? 36 Théid do sheirbhiseach rè ùine bhig thar Iordan maille ris an righ: agus c’ar son a dhìoladh an righ sin dhomhsa le leithid so do luaigheachd? 37 Leig le d’ sheirbhiseach, guidheam ort, pilltinn air ais, a chum gu’m faigh mi bàs ann mo bhaile féin, làimh re uaigh m’athar, agus mo mhàthar: ach feuch, rachadh do sheirbhiseach Chimham thairis maille re m’ thighearn an righ, agus dean ris na bhios maith a’d’ shùilibh. 38 Agus fhreagair an righ, Théid Chimham thairis maille rium, agus ni mi dha na bhios maith a’d’ shùilibh; agus ge b’e ni a dh’iarras tusa orm, ni mi e dhuit. 39 Agus chaidh an sluagh uile thar Iordan, agus chaidh an righ thairis: agus phòg an righ Barsillai, agus bheannaich se e, agus phill e d’a àite féin. 40 An sin chaidh an righ air aghaidh gu Gilgal, agus chaidh Chimham air aghaidh maille ris: agus thug sluagh Iudah uile thairis an righ, agus mar an ceudna leth sluaigh Israeil. 41 Agus feuch, thàinig fir Israeil uile dh’ionnsuidh an righ, agus thubhairt iad ris an righ, C’ar son a ghoid ar bràithrean fir Iudah thu air falbh, agus a thug iad an righ agus a theaghlach, agus daoine Dhaibhidh uile maille ris thar Iordan? 42 Agus fhreagair fir Iudah uile fir Israeil, A chionn gu bheil an righ fagus an dàimh dhuinne: c’ar son ma ta a tha fearg oirbhse air son an ni so? an d’ith sinn a’ bheag o’n righ? no’n d’thug e tiodhlac sam bith dhuinn? 43 Agus fhreagair fir Israeil fir Iudah, agus thubhairt iad, Tha deich earrannan (4) againne anns an righ, agus tha mar an ceudna tuilleadh còir againn ann an Daibhidh na th’agaibhse: c’ar son ma ta a rinn sibh tàir oirnne? agus nach b’e ar gnoth- (1) bheathaich esan an righ. (2) Cia lìon iad làithean bhliadhnacha mo bheatha-sa. Eabh. (3) eallaich. (4) cuibhrionnan. [TD 195] II. SAMUEL. CAIB. XX. uch-ne an toiseach ar righ a thabhairt air ais (1)? Agus bu ghairge briathran fhear Iudah na briathran fhear Israeil? CAIB. XX. AGUS thachair gu’n robh duine an sin le Belial, d’am b’ainm Seba, mac Bhichri, Beniamineach; agus shéid e trompaid, agus thubhairt e, Cha ’n’eil againne cuibhrionn sam bith ann an Daibhidh, agus cha ’n’eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsuidh a bhùtha, O Israel. 2 Agus chaidh gach duine do Israel suas o bhi ’n déigh Dhaibhidh, agus lean iad Seba mac Bhichri: ach dhlùth-lean daoine Iudah r’an righ, o Iordan eadhon gu h-Ierusalem. 3 Agus thàinig Daibhidh d’a thigh ann an Ierusalem, agus ghabh an righ an deichnear bhan, a choimh-leabacha, a dh’fhàg e a ghleidheadh an tighe, agus chuir e ann an gaintir (2) iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e stigh d’an ionnsuidh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas. 4 An sin thubhairt an righ re Amasa, Cruinnich dhomhsa fir Iudah an ceann thri laithean, agus seas féin an so. 5 Agus dh’fhalbh Amasa a chruinneachadh fhear Iudah; ach dh’fhan e ni b’fhaide na’n t-àm suidhichte a shònraich esan dha. 6 Agus thubhairt Daibhidh re Abisai, A nis ni Seba, mac Bhichri, tuille croin duinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gu’m faigh e dha féin bailte daingnichte, agus gu’n d’théid e as uainn. 7 Agus chaidh a mach ’na dhéigh fir Ioaib, agus na Ceretich, agus na Peletich, agus na fir threuna uile: agus chaidh iad a mach a h-Ierusalem a dhol air tòir Sheba, mhic Bhichri. 8 An uair a bha iad aig a’ chloich mhòir a tha ann an Gibeon, thàinig Amasa rompa. Agus bha Ioab crioslaichte le falluinn a chuir e uime, agus oirre sin crios le claidheamh ceangailte air a leis ’na thruaill, agus an uair a chaidh e air aghaidh, thuit e aiste. 9 Agus thubhairt Ioab re Amasa, Am bheil thu slàn, a bhràthair? agus ghlac Ioab le dheas làimh Amasa air fheusaig, a thabhairt pòige dha. 10 Ach cha d’thug Amasa fa’near an claidheamh, a bha ann an làimh Ioaib: agus bhuail e leis e fuidh’n chùigeadh aisne, agus leig e mach a mhionach a dh’ionnsuidh an làir, agus cha do bhuail e rìs e, agus fhuair e bàs. Agus chaidh Ioab, agus a bhràthair Abisai, air tòir Sheba, mhic Bhichri. 11 Agus sheas fear do òganachaibh Ioaib làimh ris, agus thubhairt e, Esan leis an ionmhuinn Ioab, agus esan a tha le Daibhidh, leanadh e Ioab. 12 Agus bha Amasa ’ga aonairt (3) am fuil am meadhon an rathaid mhòir. Agus an uair (1) nach d’ iarradh ar comhairle air tùs a thabhairt ar righ air ais. (2) prìosun. (3) aoineagran. [TD 196] II. SAMUEL. CAIB. XX. a chunnaic an duine gu’n d’fhan an sluagh uile ’nan seasamh, dh’atharraich e Amasa o’n rathad mhòr do’n achadh, agus thilg e eudach air, an uair a chunnaic e gu’n d’fhan gach neach a thàinig làimh ris ’nan seasamh. 13 An uair a dh’atharraicheadh e o’n rathad mhòr, chaidh an sluagh uile air an aghaidh an déigh Ioaib, a dhol air tòir Sheba mhic Bhichri. 14 Agus chaidh e air feadh uile threubhan Israeil gu h-Abel Bhetmaacah, agus na Berich uile: agus chruinnicheadh iad an ceann a chéile, agus chaidh iad mar an ceudna ’na dhéigh. 15 Agus thàinig iad, agus theannaich (1) iad e ann an Abel Bhetmaacah, agus chuir iad suas torr (2) an aghaidh a’ bhaile, agus sheas e làimh ris a’ bhalladh (3): agus rinn an sluagh uile a bha maille re Ioab an dìchioll air a’ bhalladh a leagadh sìos. 16 An sin ghlaodh bean ghlic a mach as a’ bhaile, Eisdibh, éisdibh; abraibh, guidheam oirbh, re Ioab, Thig am fagus an so, agus labhraidh mi riut. 17 Agus an uair a thàinig e ’m fagus d’i, thubhairt a’ bhean, An tu Ioab? Agus fhreagair esan, Is mi. An sin thubhairt i ris, Eisd re briathraibh do bhanoglaich. Agus fhreagair esan, Tha mi ag éisdeachd. 18 An sin labhair i, ag ràdh, Gu cinnteach labhair iad an toiseach, ag ràdh, Gu deimhin iarraidh iad sìth air Abel: agus mar sin crìochnaichidh iad an gnothuch (4). 19 Is aon mise dhiubhsan a tha sìothchail agus firinneach (5) ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile a sgrios, agus màthair ann an Israel. C’ar son a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna? 20 Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Gu ma fada, fada sin uamsa, gu’n sluiginn suas, no gu’n sgriosainn. 21 Cha ’n ann mar sin a tha an gnothuch: ach thog duine do shliabh Ephraim, d’an ainm Seba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an righ, an aghaidh Dhaibhidh: thugaibh esan a mhàin thairis, agus imichidh mi o’n bhaile. Agus thubhairt a’ bhean re Ioab, Feuch, tilgear a cheann a d’ ionnsuidh thar a’ bhalladh. 22 An sin chaidh a’ bhean a dh’ionnsuidh an t-sluaigh uile ’na gliocas (6), agus ghearr iad ceann Sheba mhic Bhichri dheth, agus thilg iad a mach e dh’ionnsuidh Ioaib: agus shéid e trompaid, agus chaidh iad air falbh o’n bhaile, gach fear a dh’ionnsuidh a bhùtha. Agus phill Ioab do Ierusalem a dh’ionnsuidh an righ. 23 A nis bha Ioab os cionn armailte Israeil uile: agus bha Benaiah mac Iehoiadah os cionn nan Cereteach, agus as cionn nam Peleteach: 24 Agus bha Adoram os cionn na cìse: agus bha Iehosaphat mac Ahiluid ’na sheanachaidh: (1) besieged. Sasg. (2) dùn. (3) anns a’ chlais. (4) labhair i, ag ràdh, Bu ghnàth leo labhairt san t-sean aimsir, ag ràdh, Gu deimhin iarraidh iad comhairle ann an Abel: agus mar sin chrìochnaich iad a’ chùis. (5) dìleas. (6) agus labhair i ’na gliocas. [TD 197] II. SAMUEL. CAIB. XXI. 25 Agus bha Sebha ’na scrìobhuiche: agus b’iad Sadoc agus Abiatar na sagairt: 26 Agus mar an ceudna bha Ira an Iaireach ’na ard riaghlair (1) aig Daibhidh. CAIB. XXI. AGUS bha gorta ann an laithibh Dhaibhidh, rè thri bliadhna, bliadhna ’n déigh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearna (2), agus fhreagair an Tighearna, Is ann air son Shauil, agus air son a thighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gu’n do mharbh e na Gibeonaich. 2 Agus ghairm an righ air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu: (a nis cha robh na Gibeonaich do chloinn Israeil, ach do iarmad (3) nan Amorach, agus thug clann Israeil mionnan doibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, ’na eud (4) air son chloinn Israeil agus Iudah:) 3 Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a ni mi air bhur son? agus cia leis a ni mi an réite, a chum gu’m beannaich sibh oighreachd an Tighearna? 4 Agus thubhairt na Gibeonaich ris, Cha bhi againne airgiod no òr o Shaul, no o a thigh (5), agus air ar soinne cha mharbh thu duine sam bith ann an Israel. Agus thubhairt esan, An ni a their sibh, ni mise dhuibh (6). 5 Agus fhreagair iad an righ, An duine a chuir as duinn, agus a smuainich ’nar n-aghaidh sinn a bhi air ar sgrios, air chor as nach fanamaid ann an crìch air bith do Israel; 6 Thugar dhuinn seachdnar d’a mhic-san, agus crochaidh sinn suas iad do’n Tighearna ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an righ, Bheir mi dhuibh iad. 7 Ach chaomhain an righ Mephiboset mac Ionatain, mhic Shauil, air son mhionnan an Tighearn a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil. 8 Ach ghabh an righ dà mhac Rispah nighinn Aiah, a rug i do Shaul, Armoni agus Mephiboset, agus cùigear mhac Mheroib (7) nighinn Shauil, a rug i do Adriel mac Bharsillai a’ Mheholataich. 9 Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch siad iad anns an t-sliabh am fianuis an Tighearna, agus thuit an t-seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ceud laithibh an fhogharaidh, ann an toiseach fogharaidh an eorna. 10 Agus ghabh Rispah nighean Aiah saic-eudach, agus sgaoil i dhi féin e air a’ charraig, o thoiseach an fhogharaidh gus an do shil uisge orra o nèamh: agus cha do leig i le eunlaith an athair fois a ghabhail orra san là, no do fhiadh bheathaichibh na macharach san oidhche. 11 Agus dh’innseadh do Dhaibhidh ciod a rinn Rispah, nighean Aiah, coimh-leabach Shauil. 12 Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoinibh Iabeis- (1) ’na ad uachdaran. (2) dh’iarr Daibhidh gnùis Iehobhah. Eabh. (3) fhuigheall; iarsma. Eir. (4) ’na theas ghràdh. (5) maille re Saul, no maille r’a thigh. Eabh. (6) Ciod ma ta a b’àill leibh gu’n deanainn-sa dhuibh? (7) Mhichail. [TD 198] II. SAMUEL. CAIB. XXII. ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic Ionatain, a ghoid iad o shràid Bhetsain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilboa. 13 Agus thug e nìos as sin cnàmhan Shauil, agus cnàmhan Ionatain, a mhic; agus chruinnich iad cnàmhan na muinntir a chrochadh. 14 Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Shauil, agus a mhic Ionatain, ann an tìr Bheniamin ann an Selah, ann an àit adhlacaidh Chis athar. Agus rinn iad gach ni a dh’àithn an righ: agus ’na dhéigh sin bha Dia réidh ris an tìr (1). 15 Agus bha cogadh aig na Philistich fathast re Israel, agus chaidh Daibhidh sìos agus a sheirbhisich maille ris, agus chog iad ris na Philistich; agus dh’fhàs Daibhidh sgìth. 16 Agus thubhairt Isbi-benob (2), a bha do shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cothrom cinn a shleagha tri cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios (3) nomha,) gu’m marbhadh e Daibhidh. 17 Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh se e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha d’théid thu mach ni’s mò maille ruinne gu cath, chum nach cuir thu as lòchran Israeil. 18 Agus ’na dhéigh so bha cath a rìs ann an Gob (4) ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an Husatach Saph (5), a bha do shliochd an fhamhair. 19 Agus bha rìs cath ann an Gob ris na Philistich: agus bhuail Elhanan mac Iare-oregim Lahmi (6) bràthair Gholiath a’ Ghitich; agus bha crann a shleagha mar gharmain figheadair. 20 Agus bha fathast cath ann an Gat, far an robh fear do mheud mhòir, agus sè meoir aige air gach làimh, agus sè meoir air gach cois, ceithir thar fhichead an àireamh; agus rugadh esan mar an ceudna do’n fhamhair. 21 Agus an uair a thug e dùbhlan (7) do Israel, mharbh Ionatan, mac Shimeah, bràthar Dhaibhidh e. 22 Rugadh a’ cheathrar sin do’n fhamhair ann an Gat, agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach. CAIB. XXII. AGUS labhair Daibhidh ris an Tighearna briathra na laoidhe so, anns an là air an do shaor an Tighearn e a (8) làimh a naimhdean uile, agus a làimh Shauil. 2 Agus thubhairt e, Is e ’n Tighearna mo charraig, agus mo dhaingneach, agus mo shlanuighear. 3 Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr ard agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh; o ainneart saoraidh tusa mi. 4 Gairmidh mi air an Tighearna, a’s airidh air cliu; agus o m’ naimhdibh saorar mi. (1) dh’éisd Dia re athchuinge muinntir na tìre. (2) shaoil Isbi-benob, chuir e roimhe. (3) claidheamh. (4) Gesar. (5) Sipai. (6) mac Iare-oregim Betlehemeach. Faic I. Eachdr. Caib. XX. r. 5. (7) masladh. (8) as. [TD 199] II. SAMUEL. CAIB. XXII. 5 Oir chuairtich tonnan a’ bhàis mi: chuir tuilte dhroch dhaoine eagal orm. 6 Dh’iadh cuird (1) ifrinn mu m’ thimchioll: ghabh lìontan (2) a’ bhàis romham. 7 A’m’ airc ghairm mi air an Tighearna, agus re m’ Dhia ghlaodh mi, agus chual’ e o theampull mo ghuth, agus ràinig mo ghlaodh a chluasa. 8 Agus chrathadh agus chriothnaich an talamh: ghluaiseadh bunaite nan nèamh (3), agus chrathadh iad, a chionn gu’n robh fearg air. 9 Chaidh deatach suas o shròin, agus loisg teine as a bheul: lasadh eibhlean leis. 10 Agus lùb e a nèamha, agus thàinig e nuas; agus dorchadas fa chosaibh. 11 Agus mharcaich e air cherub, agus chaidh e air iteig: agus dh’itealaich (4) e air sgiathaibh na gaoithe. 12 Agus rinn e dorchadas ’na phàilliunaibh m’a thimchioll, co’-chruinneachadh nan uisgeacha (5), neoil thiugha nan speur. 13 Leis an dealradh a bha fa chomhair lasadh eibhlean teine. 14 Rinn an Tighearna tairneanach o na nèamhaibh, agus leig an Ti a’s aird’ a ghuth a mach. 15 Agus chuir e mach saighdean, agus sgap e iad; dealanach, agus chlaoidh e iad (6). 16 Agus leigeadh ris aigean na fairge, nochdadh bunaite an domhain, le achmhasan an Tighearna, le séideadh anaile a shròine. 17 Chuir e nuas o’n aird, ghlac e mi: tharruing e mi a mòran uisgeacha. 18 Shaor e mi o m’ nàmhaid làidir, uatha-san a dh’fhuathaich mi; oir bu treise iad ’na mise. 19 Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair: ach b’e ’n Tighearna mo chùl-taice. 20 Agus thug e mach mi gu ionad farsaing: shaor e mi, a chionn gu’n do ghabh e tlachd annam. 21 Thug an Tighearna luaidheachd dhomh a réir m’ionracais: a réir gloine mo làmh dhìol e dhomh. 22 Oir ghléidh mi slighean an Tighearna, agus o m’ Dhia cha do chlaon mi gu h-aingidh. 23 Oir bha a bhreitheanais uile a’m’ fhianuis: agus a reachda cha do chuir mi uam (7). 24 Agus bha mi ionraic ’na fhianuis, agus ghléidh mi mi féin o m’ aingidheachd (8). 25 Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a réir m’ionracais, a réir mo ghloine ann an sealladh a shùl. 26 Do’n duine thròcaireach nochdaidh tu thu féin tròcaireach, agus do’n duine ionraic nochdaidh tu thu féin ionraic. 27 Do’n duine ghlan nochdaidh tu thu féin glan, agus do’n duine reasgach nochdaidh tu thu féin reasgach. 28 Agus an sluagh a ta fa àmhghar saoraidh tu: ach a ta do shùilean an aghaidh nan uaibhreach; bheir thu nuas iad (9). 29 Oir lasaidh tusa mo lòchran (10), a Thighearna: agus soill- (1) pianta. (2) ribeacha. (3) nam beann. (4) chunncas. (5) uisgeacha dorcha. (6) chuir e gu h-amhluadh iad. (7) cha do dhealaich mi riu. (8) o m’ pheacannaibh. (9) ach na sùilean arda bheir thu nuas. (10) is tu mo lòchran. [TD 200] II. SAMUEL. CAIB. XXIII. sichidh an Tighearna mo dhorchadas. 30 Oir leatsa ruith mi troimh bhuidhinn: le m’ Dhia leum mi thar balladh. 31 A thaobh Dhé, tha a shlighe iomlan; tha focal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhoibhsan uile a chuireas an dòchas ann (1). 32 Oir cò a’s Dia ann ach an Tighearna? agus cò a’s carraig ann ach ar Dia-ne? 33 Is e Dia mo neart agus mo chumhachd (2), agus tha e deanamh mo shlighe iomlan. 34 Tha e deanamh mo chos mar chosan eilde: agus air m’aitibh arda socraichidh e mi. 35 Tha e ’g iunnsachadh mo làmh gu cath, air chor as gu’m brisear bogha umha le m’ ghairdeinibh. 36 Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte: agus rinn do chaoimhneas mòr mi. 37 Rinn thu mo cheum farsaing fodham, air chor as nach do shleamhnaich mo chosa. 38 Lean mi mo naimhde, agus rug mi orra (3); agus cha do phill mi air m’ais gus an do chuir mi as doibh. 39 Agus lot mi iad (4), agus cha ’n’éirich iad; agus thuit iad fa m’ chosaibh. 40 Oir chrioslaich thu mi le neart chum catha: leag thu iadsan a dh’éirich suas a’m’ aghaidh, sìos fodham. 41 Agus mo naimhde thug thu dhomh air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus ghearr mi as iad. 42 Sheall iad, agus cha robh fear-saoraidh ann; eadhon a dh’ionnsuidh an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad. 43 An sin mhìn-phronn mi iad mar dhuslach na talmhainn; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad, leudaich mi a mach iad. 44 Agus shaor thu mi o chomh-stri (5) mo shluaigh: ghléidh thu mi gu bhi ’m cheann (6) air na cinnich: ni sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh. 45 Strìochdaidh coigrich sìos dhomh (7): co luath ’sa chluinneas iad, géillidh iad dhomh. 46 Seargaidh coigrich as, agus bithidh eagal orra a mach as an àitibh daingne. 47 Is beo an Tighearna, agus gu ma beannaichte mo charraig-sa: agus air ardachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte. 48 Is e Dia a ni dìoghaltas air mo shonsa, agus a chuireas sìos an sluagh fodham, 49 Agus a bheir a mach mi o m’ naimhdibh: agus os an cionn-san a dh’éirich suas a’m’ aghaidh thog thu suas mi: o fhear an ainneart shaor thu mi. 50 Uime sin cliùthaichidh mi thu (8), a Thighearna, am measg nan cinneach, agus do t’ainm seinnidh mi. 51 Bheir esan saorsa mòr d’a righ (9), agus nochdaidh e tròcair d’a aon ungta féin, do Dhaibhidh, agus d’a shliochd gu bràth. CAIB. XXIII. A NIS is iad so briathra deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus (1) a dh’earbas as. (2) a tha ’gam chrioslachadh le neart. (3) sgrios mi iad. (4) chuir mi as doibh, agus lot mi iad. (5) stribh. (6) ni thu mi a’m’ cheann. (7) ni coigrich breug dhomh. Eabh. (8) aidichidh mi dhuit, bheir mi buidheachas dhuit. (9) Is esan tùr slàinte a righ. [TD 201] II. SAMUEL. CAIB. XXIII. thubhairt an duine a chuireadh suas gu h-ard, aon ungta Dhé Iacoib, agus salmadair binn Israeil; 2 Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus fhocal air mo theangaidh. 3 Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bithidh esan a riaghlas os cionn dhaoine ceart, a’ riaghladh ann an eagal Dé: 4 Agus mar sholus na maidne ’nuair a dh’éireas a’ ghrian (1), maidne gun neoil; mar am feur a’ fàs as an talamh le dealradh an déigh uisge. 5 Ge nach ’eil mo thigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coi’-cheangal sìorruidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach ni, agus a choimhidear (2): oir is e so mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ge nach ’eil e toirt air fàs. 6 Ach bithidh mic Bhelial uile mar dhroighionn a thilgear air falbh, a chionn nach glacar le làimh iad. 7 Ach am fear a bheanas riu, dìonar (3) e le h-iarunn, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad (4). 8 Is iad so ainmeanna nan daoine treun a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, ’na cheann air triuir; thog esan a shleagh an aghaidh thri ceud, a mharbhadh leis san aon àm (5). 9 Agus ’na dhéigh-san bha Eleasar mac Dhodo an t-Ahohach, aon do’n triuir dhaoine treun a bha maille re Daibhidh, an uair a thug iad dùbhlan (6) do na Philistich (7) a chruinnicheadh an sin gu cath, agus a dh’imich fir Israeil rompa. 10 Dh’éirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus gu’n do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’oibrich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus phill an sluagh ’na dhéigh a mhàin a dh’fhaobhachadh (8). 11 Agus ’na dhéigh-san bha Samah, mac Agee, an Hararach: agus chruinnicheadh na Philistich ’nam buidhinn, far an robh mìr fearainn làn do ghall-pheasair: agus theich an sluagh roimh na Philistich. 12 Ach sheas esan am meadhon an fhearainn, agus dhìon se e, agus bhuail e na Philistich: agus dh’oibrich an Tighearna saorsa mhòr. 13 Agus chaidh triuir do na deich ceannarda fichead sìos, agus thàinig iad an àm an fhogharaidh a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, do uaimh Adullaim: agus champaich buidheann nam Philisteach ann an gleann Rephaim. 14 Agus bha Daibhidh an sin ann an daingneach, agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem. 15 Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O gu’n d’thugadh fear eigin dhomh (1) Agus mar sholus na maidne éiridh Iehobhah a’ ghrian. (2) cinnteach. (3) lìonar. Eabh. (4) anns an àite cheudna; ’na àite-tàimh. Eabh. (5) Is iad so ainmeanna nan daoine treun a bha aig Daibhidh: An Tachmonach a shuidh anns a’ chathair, ceann nan ceannard (b’e so Adino an t-Esneach) thog e suas a shleagh an aghaidh ochd ceud, a mharbh e san aon àm. Faic I. Eachdr. Caib. XI. r. 11. (6) masladh. (7) ann am Pas-damim. I. Eachdr. Caib. XI. r. 13. (8) a chreachadh. [TD 202] II. SAMUEL. CAIB. XXIII. deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha làimh ris a’ gheata! 16 Agus bhris an triuir dhaoine treuna stigh troimh fheachd nam Philisteach, agus tharruing iad uisge a tobar Bhetlehem, a bha làimh ris a’ gheata, agus ghabh iad e, agus thug iad leo e dh’ionnsuidh Dhaibhidh: gidheadh cha b’àill leis òl deth, ach thaom e mach e do’n Tighearna. 17 Agus thubhairt e, Gu ma fada uamsa, a Thighearna, so a dheanamh: an òlainnse fuil nan daoine a chaidh ann an cunnart (1) an anma? uime sin cha b’àill leis òl deth. Na nithe sin rinn an triuir dhaoine treuna. 18 Agus bha Abisai bràthair Ioaib, mac Sheruiah, ’na cheann air triuir: agus thog e suas a shleagh an aghaidh tri cheud, a mharbh e; agus fhuair e ainm am measg thriuir. 19 Do’n triuir nach b’e a b’urramaiche? uime sin bha e ’na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ cheud triuir. 20 Agus mharbh Benaiah mac Iehoiada, mhic duine ghaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomhara, mharbh esan dithis fhear leòmhanta (2) do Mhoab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhan ann am meadhon sluichd an àm sneachdaidh. 21 Agus mharbh e Eiphiteach, duine comharaichte (3): agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh; ach chaidh esan sìos d’a ionnsuidh le luirg, agus spìon e ’n t-sleagh a làimh an Eiphitich, agus mharbh e le shleagh féin e. 22 Na nithe sin rinn Benaiah mac Iehoiada; agus bha ainm aige am measg triuir dhaoine treuna. 23 Do’n triuir (4) b’e a b’urramaiche, ach cha d’ràinig e gu ruig a’ cheud triuir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain. 24 Bha Asahel bràthair Ioaib am measg an deich thar fhichead, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem, 25 Samah an Harodach, Elica an Harodach, 26 Heles am Paltach, Ira mac Iceis an Tecoach, 27 Abieser an t-Anetotach, Mebunai an Husatach, 28 Salmon an t-Ahohach, Maharai an Netophatach, 29 Heleb mac Bhaanah, an Netophatach, Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniamin, 30 Benaiah am Piratonach, Hidai o shruthaibh Ghaais, 31 Abialbon an t-Arbatach, Asmabhet am Barhumach, 32 Eliahba an Saalbonach: do mhacaibh Iasein, Ionatan, 33 Samah an Hararach, Ahiam mac Sharair an Hararach, 34 Eliphelet mac Ahasbai, mhic a’ Mhaachataich, Eliam mac Ahitopheil an Gilonach, 35 Hesrai an Carmeleach, Paarai an t-Arbach, 36 Igal mac Natain o Shobah, Bani an Gadach, 37 Selec an t-Amonach, Naharai am Beerotach, fear iomchar arm Ioaib, mhic Sheruiah, (1) cuntart. (2) treun mar leòmhain. (3) mòr, tlachdmhor. (4) Do’n deich thar fhichead. [TD 203] II. SAMUEL. CAIB. XXIV. 38 Ira an t-Itreach, Gareb an t-Itreach, 39 Uriah an Hiteach: seachd deug thar fhichead uile. CAIB. XXIV. AGUS a rìs las fearg an Tighearn an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e (1) Daibhidh ’nan aghaidh, a ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iudah. 2 Oir thubhairt an righ re Ioab ceannard an t-slòigh, a bha maille ris, Imich a nis air feadh uile threubhan Israeil, o Dhan eadhon gu Beer-seba, agus gabh (2) àireamh an t-sluaigh, a chum gu’m bi fios àireimh an t-sluaigh agam. 3 Agus thubhairt Ioab ris an righ, A nis gu’n cuireadh an Tighearna do Dhia ris an t-sluagh (ge b’e ciod an t-àireamh a th’ann diubh) fathast a’ cheud uibhir, agus gu’m faiceadh sùilean mo thighearn an righ e: ach c’ar son a tha mo thighearn an righ a’ gabhail tlachd anns an ni so? 4 Gidheadh, bhuadhaich focal an righ an aghaidh Ioaib, agus an aghaidh cheannardan an t-slòigh: agus chaidh Ioab agus ceannardan an t-slòigh a mach a fianuis an righ, a ghabhail àireimh sluaigh Israeil. 5 Agus chaidh iad a nunn thar Iordan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon aibhne (3) Ghad, agus leth re Gaser. 6 An sin thàinig iad gu Gilead, agus gu fearann ìochdarach (4) Hodsi; agus thàinig iad gu Dan-iaan, agus mu’n cuairt gu Sidon. 7 Agus thàinig iad gu daingneach Thiruis, agus gu uile bhailtibh nan Hibheach, agus nan Canaanach: agus chaidh iad a mach do’n taobh mu dheas do Iudah, gu Beer-seba. 8 Agus an uair a chaidh iad air feadh na tìre uile, thàinig iad gu h-Ierusalem an ceann naoi mìos agus fhichead là. 9 Agus thug Ioab suas làn àireamh (5) an t-sluaigh do’n righ: agus bha ann do Israel ochd ceud mìle fear gaisgeil a tharruing claidheamh, agus do fhearaibh Iudah cùig ceud mìle fear. 10 Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an déigh dha’n sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an ni a rinn mi: agus a nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air cionta do sheirbhisich dol seachad, oir rinn mi gu ro-amaideach. 11 Agus dh’éirich Daibhidh anns a’ mhaduinn; agus thàinig focal an Tighearna dh’ionnsuidh an fhàidh Ghad, fir-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, 12 Falbh agus abair re Daibhidh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Tha mi cur thri nithe fa d’ chomhair: ròghnaich dhuit féin aon diubh, a chum gu’n dean mi dhuit e. 13 Agus thàinig Gad a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, agus dh’innis e dha, agus thubhairt e ris, An d’thig tri (6) bliadhna gortaidh ort ann ad thìr? no an teich thu tri mìosan roimh do naimhdibh, agus iad an tòir ort? no am bi (1) agus sheas Satan an aghaidh Israeil agus bhrosnaich e. I. Eachdr. Caib. XXI. r. 1. (2) gabhaibh. (3) srutha, glinne. (4) Tachtim. Eabh. (5) uibhir àireimh. (6) seachd. Faic I. Eachdr. Caib. XXI. r. 12. [TD 204] II. SAMUEL. CAIB. XXIV. tri laithean plàigh ann ad thìr? A nis smuainich, agus faic ciod a fhreagaireas mi dhasan a chuir uaith mi. 14 Agus thubhairt Daibhidh re Gad, Tha mi ann an teinn (1) mhòir: tuiteamaid a nis ann an làimh an Tighearna, oir is lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam. 15 Agus chuir an Tighearn plàigh air Israel, o’n mhaduinn eadhon gu ruig an t-àm suidhichte (2): agus bhàsaich do’n t-sluagh o Dhan gu Beerseba, deich agus tri fichead mìle fear. 16 Agus an uair a chuir an t-aingeal a mach a làmh gu h-Ierusalem g’a sgrios, ghabh an Tighearn aithreachas a thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cum a nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh re urlar-bualaidh Araunah an Iebusaich. 17 Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna ’nuair a chunnaic e ’n t-aingeal a bhuail an sluagh, agus thubhairt e, Feuch, is mise a pheacaich, agus is mise rinn gu h-aingidh; ach na caoraich sin, ciod a rinn iad? bitheadh do làmh, guidheam ort, a’m’ aghaidh-sa, agus an aghaidh tighe m’athar. 18 Agus thàinig Gad a dh’ionnsuidh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh (3) suas, tog altair do’n Tighearn ann an urlar-bualaidh Araunah an Iebusaich. 19 Agus chaidh Daibhidh suas a réir focail Ghad, mar a dh’àithn an Tighearna. 20 Agus dh’amhairc Araunah, agus chunnaic e’n righ agus a sheirbhisich a’ teachd air an aghaidh d’a ionnsuidh: agus chaidh Araunah a mach, agus chrom se e féin do’n righ air aghaidh gu làr. 21 Agus thubhairt Araunah, C’ar son a thàinig mo thighearn an righ a dh’ionnsuidh a sheirbhisich? Agus thubhairt Daibhidh, A cheannach uait an urlair-bhualaidh, a thogail altarach do’n Tighearna, a chum gu’n caisgear a’ phlàigh o’n t-sluagh. 22 Agus thubhairt Araunah re Daibhidh, Gabhadh, agus ìobradh (4) mo thighearn an righ an ni sin a bhios maith ’na shùilibh: feuch, tha buar an so chum ìobairt-loisgte, agus innealan-bualaidh, agus acfuinn eile a bhuineas do’n bhuar air son connaidh. 23 Iad sin uile thug Araunah do’n righ (5). Agus thubhairt Araunah ris an righ, Gu’n gabhadh an Tighearna do Dhia riut. 24 Agus thubhairt an righ re Araunah, Ni h eadh; ach gu deimhin ceannaichidh mi uait iad air luach, agus cha’n ìobair mi ìobairtean-loisgte do’n Tighearna mo Dhia do’n ni sin a gheibh mi a nasgaidh. Agus cheannaich Daibhidh an t-urlar-bualaidh, agus am buar, air leth-cheud secel airgid. 25 Agus thog Daibhidh an sin altair do’n Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairte-loisgte, agus ìobairte-sìth: agus bha’n Tighearna réidh ris an tìr, agus choisgeadh a’ phlàigh o Israel. (1) teanntachd, airc. (2) àm a’ cho’-chruinneachaidh. (3) Rach. (4) ofraileadh. (5) thug Araunah mar righ do’n righ. [TD 205] Ceud Leabhar nan RIGH, d’an ainm gu coitcheann, Treas Leabhar nan RIGH. CAIB. I. A NIS bha righ Daibhidh sean, agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnaibh; agus chòmhdaich iad e le h-eudach, gidheadh cha do ghabh e blàthas. 2 Uime sin thubhairt a sheirbhisich (1) ris, Iarradh iad do m’ thighearn an righ gruagach a ta ’na h-òigh, agus seasadh i am fianuis an righ, agus eiridneadh i e, agus luidheadh i ann ad uchd, a chum gu’n gabh an tighearna mo righ blàthas. 3 Uime sin dh’iarr iad gruagach mhaiseach air feadh uile chrìoch Israeil, agus fhuair iad Abisag, Ban-sunamach, agus thug iad i a dh’ionnsuidh an righ. 4 Agus bha a’ ghruagach ro-mhaiseach, agus dh’eiridinn i an righ, agus fhritheil i dha; ach cha d’aithnich an righ i. 5 An sin dh’ardaich Adoniah mac Hagit e féin, ag ràdh, Rìoghaichidh mise: agus dh’ulluich e dha féin carbaid, agus marc-shluagh, agus leth-cheud fear a ruith roimhe. 6 Agus cha do chuir athair doilgheas (2) air uair sam bith (3), ag ràdh, C’arson a rinn thu mar so? Agus bha esan mar an ceudna ro-mhaiseach ’na dhealbh, agus rugadh e an déigh Absaloim. 7 Agus bha comhluadar (4) aige re Ioab mac Sheruiah, agus re Abiatar an sagart: agus a’ leantuinn Adoniah, rinn iad còmhnadh ris. 8 Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Natan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna a bhuineadh do Dhaibhidh, maille re Adoniah. 9 Agus dh’ìobair Adoniah caoraich agus buar, agus spréidh reamhar làimh re cloich Shohelet, a tha làimh re En-rogel: agus thug e cuireadh d’a bhràithribh uile, mic an righ, agus do fhearaibh Iudah uile, seirbhisich an righ. 10 Ach do Natan am fàidh, agus do Bhenaiah, agus do na fir threuna, agus do Sholamh a bhràthair, cha d’thug e cuireadh. (1) a mhuinntir. (2) mìothlachd. (3) o a laithibh. Eabh. (4) còmhradh; focail. Eabh. [TD 206] I. RIGH. CAIB. I. 11 Uime sin labhair Natan re Batseba màthair Sholaimh, ag ràdh, Nach cuala tu gu bheil Adoniah mac Hagit a’ rìoghachadh, agus cha ’n’eil fhios aig ar tighearna Daibhidh air? 12 A nis ma ta, leig dhomhsa, guidheam ort, comhairle a thabhairt ort, a chum as gu’n saor thu t’anam féin, agus anam Sholaimh do mhic. 13 Imich, agus gabh a steach gu righ Daibhidh, agus abair ris, Nach d’thug thusa, mo thighearn, a righ, mionnan do d’ bhanoglaich, ag ràdh, Gu deimhin rìoghaichidh Solamh do mhac a’m’ dhéigh-sa, agus suidhidh e air mo righ-chathair-sa? c’ar son ma seadh a tha Adoniah a’ rìoghachadh? 14 Feuch, am feadh a bhios tusa fathast a’ labhairt an sin ris an righ, thig mise mar an ceudna steach a’d’ dhéigh (1), agus daingnichidh (2) mi do bhriathra. 15 Agus chaidh Batseba a steach a dh’ionnsuidh an righ, do’n t-seòmar: agus bha’n righ ro-shean, agus fhritheil Abisag a’ Bhan-sunamach do’n righ. 16 Agus chrom Batseba sìos (3), agus rinn i ùmhlachd do’n righ. Agus thubhairt an righ, Ciod a’s àill leat? 17 Agus thubhairt ise ris, Mo thighearna, mhionnaich thu air an Tighearna do Dhia do d’ bhanoglaich, ag ràdh, Gu cinnteach rìoghaichidh Solamh do mhac a’m’ dhéigh-sa, agus suidhidh e air mo righ-chathair-sa: 18 Agus a nis feuch, tha Adoniah a’ rìoghachadh, agus agad-sa, mo thighearn, a righ, cha ’n’eil fios air. 19 Agus dh’ìobair e buar, agus spréidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor, agus thug e cuireadh do mhic an righ uile, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab ceannard an t-slòigh; ach do t’ òglach Solamh cha d’thug e cuireadh. 20 Agus a nis mo thighearn, a righ, tha sùilean Israeil uile ort, a chum gu’n innseadh tu dhoibh, cò a shuidheas air righ-chathair mo thighearn an righ ’na dhéigh féin. 21 Oir, mur innis, tarlaidh ’nuair a choidleas mo thighearn an righ maille r’a aithrichibh, gu’m measar mise agus mo mhac Solamh ’nar ciontaich. 22 Agus feuch, am feadh a bha i fathast a’ labhairt ris an righ, thàinig Natan am fàidh mar an ceudna a steach. 23 Agus dh’innis iad do’n righ, ag ràdh, Feuch, Natan am fàidh. Agus an uair a thàinig e steach am fianuis an righ, chrom se e féin do’n righ le aghaidh gu làr. 24 Agus thubhairt Natan, Mo thighearn, a righ, an d’thubhairt thusa, Rìoghaichidh Adoniah a’m’ dhéigh-sa, agus suidhidh esan air mo righ-chathair? 25 Oir chaidh e sìos an diugh, agus dh’ìobair e buar, agus spréidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor; agus thug e cuireadh do mhic an righ uile, agus do cheannardaibh an t-slòigh, agus do Abiatar an sagart; agus feuch, tha iad ag itheadh agus ag òl ’na lathair, agus their iad, Gu ma fada beo an righ Adoniah. (1) a’d’ dhiaigh. (2) coimhlionaidh. (3) dh’aom Batseba a ceann. [TD 207] I. RIGH. CAIB. I. 26 Ach dhomhsa, eadhon dhomhsa do sheirbhiseach, agus do Shadoc an sagart, agus do Bhenaiah mac Iehoiada, agus do t’òglach Solamh cha d’thug e cuireadh. 27 An ann le m’ thighearn an righ a rinneadh an ni so, agus nach d’thug thu fios do d’ sheirbhiseach cò a shuidheas air righ-chathair mo thighearn an righ ’na dhéigh féin? 28 Agus fhreagair righ Daibhidh, agus thubhairt e, Gairmibh a’m’ ionnsuidh Batseba. Agus thàinig i an làthair an righ, agus sheas i am fianuis an righ. 29 Agus mhionnaich an righ, agus thubhairt e, Mar is beo an Tighearna, a shaor m’anam as gach airc (1): 30 Amhuil mar a mhionnaich mi dhuit air an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Gu deimhin rìoghaichidh do mhac Solamh a’m’ dhéigh-sa, agus suidhidh e air mo righ-chathair a’m’ àite: gu cinnteach is ann mar sin a ni mi an diugh. 31 An sin chrom Batseba sìos le h-aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd do’n righ, agus thubhairt i, Maireadh mo thighearna righ Daibhidh gu bràth. 32 Agus thubhairt righ Daibhidh, Gairmibh a m’ ionnsuidh Sadoc an sagart, agus Natan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada. Agus thàinig iad am fianuis an righ. 33 Agus thubhairt an righ riu, Thugaibh leibh seirbhisich bhur tighearna, agus thugaibh air Solamh mo mhac marcachd air mo mhuileid féin, agus thugaibh sìos e gu Gihon. 34 Agus ungadh Sadoc an sagart, agus Natan am fàidh, an sin e ’na righ air Israel: agus séidibhse an trompaid (2), agus abraibh, Gu ma fada beò righ Solamh. 35 An sin thig sibh a nìos ’na dhéigh, agus thig esan, agus suidhidh e air mo righ-chathair-sa, agus rìoghaichidh e a’m’ àite: agus dh’àithn mise e bhi ’na cheannard air Israel, agus air Iudah. 36 Agus fhreagair Benaiah mac Iehoiada an righ, agus thubhairt e, Amen (3): gu’n abradh an Tighearna Dia mo thighearn an righ mar sin cuideachd. 37 Mar a bha’n Tighearna maille re m’ thighearn an righ, gu ma h-amhluidh bhios e le Solamh, agus gu’n ardaicheadh (4) e a righ-chathair thar righ-chathair mo thighearna righ Daibhidh. 38 Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Natan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid righ Daibhidh, agus thug iad e gu Gihon. 39 Agus thug Sadoc an sagart corn (5) ola as a’ phàilliun, agus dh’ung e Solamh, agus shéid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Gu ma fada beò righ Solamh. 40 Agus thàinig an sluagh uile a nìos ’na dhéigh, agus bha’n sluagh a’ pìobaireachd le (1) teanntachd. (2) adharc, stoc. (3) Bitheadh e mar sin. (4) gu’m meudaicheadh. (5) adharc. [TD 208] I. RIGH. CAIB. II. pìobaibh, agus a’ deanamh gairdeachais le mòr ghairdeachas, air chor as gu’n do reubadh an talamh le’m fuaim. 41 Agus chual’ Adoniah, agus na h-aoidhean (1) uile a bha maille ris e, ’nuair a sguir iad a dh’itheadh: agus an uair a chual’ Ioab fuaim na trompaide, thubhairt e, C’ar son a tha fuaim so a’ bhaile, agus e làn co’-ghàir (2)? 42 Agus am feadh a bha esan fathast a’ labhairt, feuch, thàinig Ionatan mac Abiatair an t-sagairt, agus thubhairt Adoniah ris, Thig a steach, oir is duine treun (3) thu, agus bheir thu sgeul maith leat. 43 Agus fhreagair Ionatan, agus thubhairt e re Adoniah, Gu deimhin rinn ar tighearna righ Daibhidh Solamh ’na righ. 44 Agus chuir an righ leis Sadoc an sagart, agus Natan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich; agus thug iad air marcachd air muileid an righ. 45 Agus dh’ung Sadoc an sagart, agus Natan am fàidh e ’na righ ann an Gihon: agus thàinig iad a nìos as sin a’ deanamh gairdeachais, air chor as gu bheil am baile re co’-ghàir (4): is i so an fhuaim a chuala sibh. 46 Agus mar an ceudna tha Solamh ’na shuidhe air cathair na rìoghachd. 47 Agus os barr, thàinig seirbhisich an righ a bheannachadh ar tighearna righ Daibhidh, ag ràdh, Gu’n deanadh Dia ainm Sholaimh ni’s fearr na t’ainm-sa, agus gu’n ardaicheadh e a righ-chathair os cionn do righ-chathair-sa: agus chrom an righ e féin air an leabaidh. 48 Agus cuideachd mar so thubhairt an righ, Gu ma beannaicht’ an Tighearna Dia Israeil, a thug an diugh duine a shuidhe air mo righ-chathair, agus mo shùilean féin ’ga fhaicinn. 49 Agus ghlac uamhas (5) na h-aoidhean uile a bha maille re Adoniah, agus dh’éirich iad, agus dh’imich iad gach fear air a shlighe féin. 50 Agus bha eagal air Adoniah roimh Sholamh, agus dh’éirich e, agus chaidh e, agus ghabh e greim do adharcaibh na h-altarach. 51 Agus dh’innseadh do Sholamh, ag ràdh, Feuch, tha eagal air Adoniah roimh righ Solamh, agus feuch, ghabh e greim a dh’adharcaibh na h-altarach, ag ràdh, Thugadh righ Solamh a mhionnan domhsa an diugh, nach marbh e a sheirbhiseach leis a’ chlaidheamh. 52 Agus thubhairt Solamh, Ma bhios e ’na dhuine maith (6), cha tuit ròineag d’a fholt gu làr; ach ma gheibhear olc ann, cuirear gu bàs e. 53 Agus chuir righ Solamh fios air, agus thug iad air teachd a nuas o’n altair, agus thàinig e agus chrom se e féin do righ Solamh. Agus thubhairt Solamh ris, Imich do d’ thigh. CAIB. II. A NIS thàinig laithean Dhaibhidh am fagus anns am faigheadh e bàs, agus dh’àithn (1) an luchd-cuiridh. (2) conghàir. (3) gaisgeil, foghainteach. (4) air a lìonadh le fuaim. (5) uamhann. (6) subhailceach, deagh-bheusach. [TD 209] I. RIGH. CAIB. II. e do Sholamh a mhac, ag ràdh, 2 Tha mise a’ dol air slighe na talmhainn uile: bi thusa uime sin làidir, agus dean gu fearail: 3 Agus coimhid cùram an Tighearna do Dhé, a dh’imeachd ’na shlighibh, a ghleidheadh a reachdan, agus àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e scrìobhta ann an lagh Mhaois, a chum gu’n soirbhich leat (1) anns gach ni a ni thu, agus anns gach àite d’an tionndaidh thu thu féin. 4 Chum gu’n daingnich an Tighearn fhocal féin, a labhair e a m’ thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimhideas do chlann an slighe, gu imeachd a’m’ fhianuis-sa ann am firinn, le’n uile chridhe, agus le’n uile anam, cha bhi (ars’ esan) duine dh’easbhuidh ort (2) air righ-chathair Israeil. 5 Os barr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard slòigh Israeil, air Abner mac Ner, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t-sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha m’a leasraidh, agus air a bhrògaibh a bh’air a chosaibh. 6 Dean thusa ma ta a réir do ghliocais, agus na leig le cheann liath dol sìos do’n uaigh ann an sìth. 7 Ach nochd caoimhneas do mhacaibh Bharsillai a’ Ghileadaich, agus bitheadh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhord; oir is ann mar so a thàinig iad a m’ ionnsuidh-sa ’nuair a theich mi roimh Absalom do bhràthair. 8 Agus feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniamineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là san deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a nuas a’m’ choinneamh gu Iordan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu. 9 A nis ma ta na meas neo-chiontach e (3): oir is duine glic thu, agus tha fhios agad ciod is còir dhuit a dheanamh ris; ach thoir a cheann liath sìos do’n uaigh le fuil. 10 An sin choidil Daibhidh maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh. 11 Agus b’iad na laithean a rìoghaich Daibhidh os cionn Israeil dà fhichead bliadhna: ann an Hebron rìoghaich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìoghaich e tri bliadhna deug thar fhichead. 12 An sin shuidh Solamh air righ-chathair Dhaibhidh athar, agus dhaingnicheadh a rìoghachd gu mòr. 13 Agus thàinig Adoniah mac Hagit gu Batseba màthair Sholaimh, agus thubhairt i, An ann an sìth a tha thu teachd? Agus thubhairt esan, Ann an sìth. 14 Thubhairt e os barr, Tha ni agam re ràdh riut. Agus thubhairt ise, Abair romhad. 15 Agus thubhairt esan, Tha fhios agad gu’m bu leamsa an (1) gu’n dean thu gu glic. (2) cha ghearrar as uait duine. Eabh. (3) na leig as gun dioghaltas e. [TD 210] I. RIGH. CAIB. II. rìoghachd, agus gu’n do chuir Israel uile an aghaidh orm, chum gu’n rìoghaichinn: gidheadh, thionndadhadh an rìoghachd mu’n cuairt, agus fhuair mo bhràthair i; oir bu leis-san o’n Tighearn i. 16 Agus a nis, aon athchuinge tha mi ’g iarraidh ort, na diùlt mi (1). Agus thubhairt ise ris, Abair romhad. 17 Agus thubhairt esan, Labhair, guidheam ort, re Solamh an righ (oir cha diùlt e thusa) gu’n d’thugadh e dhomh Abisag a’ Bhan-sunamach ’na mnaoi. 18 Agus thubhairt Batseba, Ro-mhaith, labhraidh mise air do shon ris an righ. 19 Chaidh Batseba uime sin a dh’ionnsuidh righ Solamh, a labhairt ris air son Adoniah. Agus dh’éirich an righ suas ’na coinneamh, agus chrom se e féin d’i, agus shuidh e air a righ-chathair, agus thug e fa’near cathair (2) a chur sìos do mhàthair an righ; agus shuidh i air a làimh dheis. 20 An sin thubhairt i, Tha mi ’g iarraidh aon athchuinge bige ort, na diùlt mi, guidheam ort. Agus thubhairt an righ rithe, Iarr, a mhàthair, oir cha diùlt mi thu. 21 Agus thubhairt ise, Thugar Abisag a’ Bhan-sunamach do Adoniah do bhràthair ’na mnaoi. 22 Agus fhreagair righ Solamh, agus thubhairt e r’a mhàthair, Agus c’arson a dh’iarras tu Abisag a’ Bhan-sunamach do Adoniah? iarr dha an rìoghachd mar an ceudna (oir is e mo bhràthair a’s sine e) eadhon dha-san, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah. 23 An sin mhionnaich righ Solamh air an Tighearn, ag ràdh, Gu’n deanadh Dia mar sin riumsa agus tuilleadh mar an ceudna, mur ann an aghaidh anma (3) féin a labhair Adoniah am focal so. 24 A nis uime sin, mar is beo an Tighearna, a dhaingnich mise, agus a chuir a’m’ shuidhe mi air righ-chathair Dhaibhidh m’athar, agus a rinn tigh dhomh, mar a labhair e (4), cuirear Adoniah gu bàs an diugh. 25 Agus chuir righ Solamh le làimh Bhenaiah mhic Iehoiada, agus bhuail (5) e air, air chor as gu’n d’fhuair e bàs. 26 Agus re Abiatar an sagart thubhairt an righ, Imich gu Anatot a dh’ionnsuidh t’fhearainn féin, oir tha thu toilltinn a’ bhàis (6); ach an diugh cha mharbh mi thu, a chionn gu’n do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehobhah am fianuis Dhaibhidh m’athar, agus a chionn gu’n d’fhuiling thu àmhghar anns gach ni san d’fhuiling m’athair àmhghar. 27 Mar so thilg Solamh a mach Abiatar o bhi ’na shagart do’n Tighearna, a choi’-lionadh focail an Tighearna, a labhair e do thaobh tighe Eli ann an Siloh. 28 An sin thàinig tuairesgeul gu Ioab (oir thionndaidh Ioab an déigh Adoniah, ge (7) nach do thionndaidh e ’n déigh Absaloim) agus theich Ioab gu pàilliun an Tighearna, agus ghabh e greim a dh’adharcaibh na h-altarach. (1) na tabhair orm m’aghaidh thionndadh uait. Eabh. (2) righ-chathair. (3) a bheatha. (4) gheall e. (5) leum. (6) is duine buailteach do’n bhàs thu. (7) giodh. Eir. [TD 211] I. RIGH. CAIB. II. 29 Agus dh’innseadh do righ Solamh gu’n do theich Ioab gu pàilliun an Tighearna, agus gu’n robh e làimh ris an altair (1). An sin chuir Solamh uaith Benaiah mac Iehoiada, ag ràdh, Falbh, buail air. 30 Agus thàinig Benaiah gu pàilliun an Tighearna, agus thubhairt e ris, Mar so tha’n righ ag ràdh, Thig a mach. Agus thubhairt esan, Cha d’théid, ach gheibh mi bàs an so. Agus thug Benaiah sgeul air ais a dh’ionnsuidh an righ, ag ràdh, Mar so labhair Ioab, agus mar so fhreagair e mi. 31 Agus thubhairt an righ ris, Dean mar a labhair e, agus buail air, agus adhlaic e, a chum as gu’n d’thoir thu air falbh an fhuil neo-chiontach, a dhòirt Ioab, uamsa agus o thigh m’athar. 32 Agus pillidh (2) an Tighearn fhuil air a cheann féin, do bhrìgh gu’n do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fhearr na e féin, agus gu’n do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios do m’ athair Daibhidh, eadhon, Abner mac Ner, ceannard slòigh Israeil, agus Amasa mac Ieteir ceannard slòigh Iudah. 33 Pillidh uime sin am fuil-san air ceann Ioaib, agus air ceann a shliochd gu bràth: ach aig Daibhidh, agus aig a shliochd, agus aig a thigh, agus aig a righ-chathair, bithidh sìth gu bràth o’n Tighearna. 34 Agus chaidh Benaiah mac Iehoiada suas, agus bhuail e air, agus mharbh se e: agus dh’adhlaiceadh e ’na thigh féin anns an fhàsach. 35 Agus chuir an righ Benaiah mac Iehoiada ’na àit os cionn an t-slòigh: agus Sadoc an sagart chuir an righ an àit Abiatair. 36 Agus chuir an righ fios, agus ghairm e air Simei, agus thubhairt e ris, Tog dhuit féin tigh ann an Ierusalem, agus gabh còmhnuidh an sin, agus na falbh a mach as sin taobh sam bith (3). 37 Oir tachairidh air an là anns an d’théid thu mach, agus an gabh thu thar sruth Chidroin, gu’m bi fios gu cinnteach agad gu’m faigh thu gu deimhin bàs: bithidh t’fhuil air do cheann féin. 38 Agus thubhairt Simei ris an righ, Is maith an ràdh (4): mar a labhair mo thighearn an righ, is amhluidh a ni do sheirbhiseach. Agus ghabh Simei còmhnuidh ann an Ierusalem mòran do laithibh. 39 Agus thachair an ceann thri bliadhna, gu’n do theich dà sheirbhiseach le Simei dh’ionnsuidh Achis, mhic Mhaachah, righ Ghat: agus dh’innis iad do Shimei, ag ràdh, Feuch, tha do sheirbhisich ann an Gat. 40 Agus dh’éirich Simei, agus chuir e dìollaid air asail (5), agus chaidh e do Ghat a dh’ionnsuidh Achis, a dh’iarraidh a sheirbhiseacha: agus dh’fhalbh Simei, agus thug e leis a sheirbhisich o Ghat. 41 Agus dh’innseadh do Sholamh gu’n deachaidh Simei o Ierusalem gu Gat, agus gu’n d’thàinig e air ais. 42 Agus chuir an righ fios, agus ghairm e air Simei, agus (1) agus feuch, e làimh ris an altair. Eabh. (2) dìolaidh. (3) a nunn no a nall. Eabh. (4) am focal. (5) a asail. [TD 212] I. RIGH. CAIB. III. thubhairt e ris, Nach d’thug mise ortsa mionnachadh air an Tighearna, agus nach d’thug mi fianuis a’d’ aghaidh, ag ràdh, Air an là anns an d’théid thu mach, agus am falbh thu taobh sam bith, biodh fios gu cinnteach agad gu’m faigh thu gu deimhin bàs? agus thubhairt thu rium, Is maith am focal a chuala mi. 43 C’ar son ma ta nach do ghléidh thu mionnan an Tighearna, agus an àithne a dh’àithn mise dhuit? 44 Thubhairt an righ cuideachd re Simei, is aithne dhuit féin gach uile olc, air am fiosrach do chridhe, a rinn thu air Daibhidh m’athair-sa: uime sin phill (1) an Tighearna t’olc air do cheann féin. 45 Ach bithidh righ Solamh beannaichte, agus bithidh righ-chathair Dhaibhidh daingean am fianuis an Tighearna gu bràth. 46 An sin dh’àithn an righ do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e mach agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh. CAIB. III. AGUS rinn Solamh cleamhnas re Pharaoh righ na h-Eiphit, agus ghabh e nighean Pharaoh, agus thug e i do bhaile Dhaibhidh, gus an do chuir e crìoch air a thigh féin a thogail, agus tigh an Tighearna, agus balladh Ierusaleim m’an cuairt. 2 Ach (2) dh’ìobair an sluagh air àitibh arda (3), do bhrìgh nach do thogadh tigh do ainm an Tighearna gus na laithibh sin. 3 Agus ghràdhaich Solamh an Tighearna, ag imeachd ann an orduighibh Dhaibhidh athar: ach (4) ann an àitibh arda dh’ìobair e agus loisg e tùis. 4 Agus chaidh an righ do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr àit ard: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin. 5 Ann an Gibeon thaisbein an Tighearn e féin do Sholamh (5) ann an aisling na h-oidhche, agus thubhairt Dia, Iarr ciod is àill leat mi thabhairt duit. 6 Agus thubhairt Solamh, Nochd (6) thu do t’òglach Daibhidh m’athair caoimhneas mòr, a réir mar a dh’imich e a’t’ fhianuis ann am firinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghléidh thu dha an caoimhneas mòr so, gu’n d’thug thu dha mac a shuidhe air a righ-chathair, mar a tha e ’n diugh. 7 Agus a nis a Thighearna mo Dhia, rinn thu t’oglach ’na righ an àite Dhaibhidh m’athar; agus mise a’m’ leanabh (7) beag, do nach aithne dol a mach no teachd a steach. 8 Agus tha t’òglach am meadhon do shluaigh a thagh thu, sluagh lìonmhor, nach ’eil e ’n comas àireamh no mheas aig an lìonmhoireachd. 9 Thoir uime sin do t’òglach cridhe tuigseach a thoirt breth air do shluagh, gu dealachadh chur (8) eadar am maith agus an t-olc; oir cò a’s urrainn breth (1) pillidh. (2) A mhàin. (3) air ardaibh, tulaichibh. (4) a mhàin. (5) chunncas an Tighearna le Solamh. Eabh. (6) Rinn. Eabh. (7) òganach. (8) a chor as gu’n tuig, gu mothaich e. [TD 213] I. RIGH. CAIB. III. a thabhairt air do shluagh so a tha co mòr? 10 Agus bha e ’na ni taitneach leis an Tighearna, gu’n d’iarr Solamh an ni so. 11 Agus thubhairt Dia ris, A chionn gu’n d’iarr thu an ni so, agus nach d’iarr thu dhuit féin saoghal fada (1), agus nach d’iarr thu dhuit féin saibhreas, agus nach d’iarr thu anam do naimhdean, ach gu’n d’iarr thu dhuit féin tuigse a dheanamh breitheanais. 12 Feuch, rinn mise a réir do bhriathra: feuch, thug mi dhuit cridhe glic agus tuigseach, air chor as nach robh neach air bith romhad cosmhuil riut, agus nach mò a dh’éireas a’d’ dhéigh neach air bith cosmhuil riut. 13 Agus mar an ceudna thug mi dhuit an ni nach d’iarr thu, araon (2) saibhreas agus cliu, air chor as nach bi duine cosmhuil riut am measg nan righ rè do làithean uile. 14 Agus ma dh’imicheas tu ann mo shlighibh-sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheanta, mar a dh’imich Daibhidh t’athair, an sin ni mi do làithean fada. 15 Agus mhosgail Solamh, agus feuch, b’aisling a bh’ann: agus thàinig e gu h-Ierusalem, agus sheas e am fianuis àirc coi’-cheangail an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean-loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean-sìth, agus rinn e cuirm d’a sheirbhisich uile. 16 An sin thàinig dithis bhan a bha ’nan strìopachaibh a dh’ionnsuidh an righ, agus sheas iad ’na làthair. 17 Agus thubhairt bean diubh, O mo thighearna, tha mise agus a’ bhean so a’ gabhail còmhnuidh ann an aon tigh, agus dh’aiseadadh mise (3) maille rithe san tigh. 18 Agus air an treas la ’n déigh dhomhsa bhi air m’aisead, dh’aiseadadh a’ bhean so mar an ceudna, agus bha sinn cuideachd; cha robh coigreach sam bith maille ruinn san tigh, ach sinn féin ’nar dithis anns an tigh. 19 Agus dh’eug mac na mnà so san oidhche, a chionn gu’n do luidh i air. 20 Agus dh’éirich i mu mheadhon-oidhche, agus thug i mo mhac-sa o m’ thaobh, am feadh a bha do bhanoglach ’na codal, agus chuir i ’na luidhe e ’na h-uchd féin, agus chuir i a mac marbh féin ’na luidhe ann am uchd-sa. 21 Agus dh’éirich mi anns a’ mhaduinn a thoirt cìche do m’ mhac, agus feuch, bha e marbh. Ach an uair a thug mi an aire dha sa’ mhadainn, feuch, cha b’e mo mhac-sa bh’ann, a rug mi. 22 Agus thubhairt a’ bhean eile, Ni h-eadh; ach is e mo mhac-sa tha beo, agus is e do mhac-sa tha marbh: agus thubhairt ise (4), Ni h-eadh; ach is e do mhac-sa tha marbh, agus is e mo mhac-sa tha beo. Mar so labhair iad (5) am fianuis an righ. 23 An sin thubhairt an righ; Tha i so ag ràdh, Is e so mo mhac-sa tha beo, agus is e do (1) mòran làithean. Eabh. (2) an dà chuid. (3) dh’asaideadh, rug mi leanabh. (4) i so. Eabh. (5) rinn iad connsachadh. [TD 214] I. RIGH. CAIB. IV. mhac-sa tha marbh: agus tha i sud ag ràdh, Ni h-eadh; ach is e do mhac-sa tha marbh, agus is e mo mhac-sa tha beo. 24 Agus thubhairt an righ, Thugaibh dhomh claidheamh. Agus thug iad claidheamh am fianuis an righ. 25 Agus thubhairt an righ, Roinnibh am mac beo ’na dhà leth (1), agus thugaibh leth dh’aon mhnaoi, agus leth do’n mhnaoi eile. 26 An sin labhair a’ bhean le’m bu leis am mac beo ris an righ (oir theòdh a cridhe (2) r’a mac) agus thubhairt i, O mo thighearna, thugaibh dh’ise an leanabh beo, agus na marbhaibh idir e: ach thubhairt a’ bhean eile, Na biodh e agam-sa no agadsa, ach roinnibh e. 27 An sin fhreagair an righ, agus thubhairt e, Thugaibh dh’ise an leanabh beo, agus na marbhaibh idir e: is ise a mhàthair. 28 Agus chual’ Israel uile a’ bhreth a thug an righ, agus bha eagal orra roimh an righ; oir chunnaic iad gu’n robh gliocas Dhé ann (3), a dheanamh breitheanais. CAIB. IV. AGUS bha righ Solamh ’na righ air Israel uile. 2 Agus is iad so na h-uachdarain (4) a bh’aige: Asariah mac Shadoic an t-sagairt: 3 Elihoreph agus Ahiah mic Shisa, scrìobhuichean: Iehosaphat mac Ahiluid, an seanachaidh (5): 4 Agus Benaiah mac Iehoiada air ceann an t-slòigh: agus Sadoc agus Abiatar, na sagairt: 5 Agus Asariah mac Natain os cionn an luchd-dreuchd (6): agus Sabud mac Natain, an t-ard fhear-dreuchd, ’na charaid (7) aig an righ: 6 Agus Ahisar os cionn an teaglaich, agus Adoniram mac Abda os cionn na cìse. 7 Agus bha aig Solamh dà fhear dheug dreuchd os cionn Israeil uile, a bheathaich an righ agus a theaghlach: rè a mhìos féin sa’ bhliadhna bha e mar fhiachaibh air gach fear dhiubh a bheathachadh. 8 Agus is iad so an ainmean-na: mac Huir ann an sliabh Ephraim: 9 Mac Dhecair ann am Macas, agus ann an Saalbim, agus ann am Bet-semes, agus ann an Elon, agus ann am Bet-hanan: 10 Mac Heseid ann an Arubot; aige-san bha Sochoh, agus uile thìr Hepheir: 11 Mac Abinadaib, aig an robh uile thìr Dhoir: bha Taphat nighean Sholaimh aige ’na mnaoi: 12 Baanah mac Ahiluid: aige-san bha Taanach agus Megido, agus Bet-sean uile, a tha làimh, re Sartanah sìos o Iesreel, o Bhet-sean gu Abel-meholah, gu ruig an taobh thall do Iocneam: 13 Mac Ghebeir ann an Ramot-gilead: dhasan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead: dhasan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, (1) earrann. (2) a h-innidh, a truas. (3) ’na chridhe. (4) ceannardan, prionnsaidh. (5) cuimhnicheoir. (6) os cionn nan daoine a fhritheil do’n righ. (7) ’na fhear-rùin. [TD 215] I. RIGH. CAIB. IV. a tha ann am Basan, tri fichead baile mòr le ballachaibh agus le crannaibh umha: 14 Ahinadab mac Ido ann am Mahanaim: 15 Ahimaas ann an Naphtali: ghabh esan mar an ceudna Basmat nighean Sholaimh ’na mnaoi: 16 Baanah mac Husai ann an Aser, agus ann am Balot: 17 Iehosaphat mac Pharuah ann an Isachar: 18 Simei mac Elah ann am Beniamin: 19 Geber mac Uri ann an tìr Ghilead, ann an tìr Shihoin righ nan Amorach, agus Og righ Bhasain; agus b’esan an t-aon fhear-dreuchd a bha san tìr. 20 Bha Iudah agus Israel lìonmhor, mar an gaineamh a tha re taobh na fairge air lìonmhoireachd, ag itheadh, agus ag òl, agus a’ deanamh subhachais. 21 Agus rìoghaich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, o’n abhuinn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h-Eiphit: thug iad leo tiodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha. 22 Agus b’e lòn (1) Sholaimh air son aon là, deich tomhais (2) fhichead do mhin mhìn (3) chruithneachd, agus tri fichead tomhas mine eile, 23 Deich daimh bhiadhta, agus fichead damh bhàrr an fheoir, agus ceud caora, a thuilleadh air féidh, agus ruadh-bhuic, agus dathais, agus eoin bhiadhta. 24 Oir bha uachdranachd aige os cionn na tìre uile air an taobh so do’n abhuinn, o Thiphsah eadhon gu Asah, os cionn nan righ uile air an taobh so do’n abhuinn: agus bha sìth aige o gach taobh mu’n cuairt da. 25 Agus ghabh Iudah agus Israel còmhnuidh gu tèaruinte, gach fear fa chrann-fiona, agus fa chrann-fige féin, o Dhan eadhon gu Beer-seba, rè uile làithean Sholaimh. 26 Agus bha aig Solamh ceithir mìle (4) prasach each air son a charbad, agus dà mhìle dheug marcach. 27 Agus bheathaich an luchd-dreuchd sin righ Solamh, agus gach neach a thàinig gu bord righ Solamh, gach duine ’na mhìos féin: cha d’fhuiling iad ni air bith a bhi dh’easbhuidh. 28 Eorna mar an ceudna agus conlach do na h-eachaibh, agus do na dromedairibh, thug iad a dh’ionnsuidh an àit anns an robh an luchd-dreuchd, gach fear a réir orduigh féin. 29 Agus thug Dia gliocas do Sholamh, agus tuigse ro-mhòr, agus farsaingeachd cridhe, mar an gaineamh a tha air tràigh na mara. 30 Agus bu mhò gliocas Sholaimh na gliocas uile chloinne na h-aird an ear, agus na uile ghliocas na h-Eiphit. 31 Agus bha e glic thar gach duine, thar Etan an t-Esrahach (5), thar Heman, agus Chalcol, agus Darda, mic Mhahoil (6): agus bha a chliu (7) anns gach dùthaich mu’n cuairt. (1) aran. Eabh. (2) cor. Eabh. measures. Sasg. (3) phlùr. (4) dà fhichead mìle. Faic II. Eachdr. Caib. IX. r. 25. (5) mac Sherah. Faic I. Eachdr. Caib. II. r. 6. (6) luchd dàin. (7) ainm. Eabh. [TD 216] I. RIGH. CAIB. V. 32 Agus labhair e tri mìle gnàth-fhocal; agus b’e àireamh a dhàn mìle agus cùig. 33 Agus labhair e air craobhan, o’n chrann-seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruig an hisop a dh’fhàsas a mach as a’ bhalladh: labhair e mar an ceudna air ainmhidhibh, agus air eunlaith, agus air nithibh a shnàigeas, agus air iasgaibh. 34 Agus thàinig cuid do na h-uile chinneachaibh a dh’éisdeachd re gliocas Sholaimh, o uile righibh na talmhainn, a chual’ iomradh a ghliocais. CAIB. V. AGUS chuir Hiram righ Thiruis (1) a sheirbhisich a dh’ionnsuidh Sholaimh, an uair a chual’ e gu’n d’ungadh e ’na righ an àit athar: oir bha spéis aig Hiram do Dhaibhidh rè uile làithean. 2 Agus chuir Solamh fios gu Hiram, ag ràdh, 3 Tha fhios agad cionnus nach b’urrainn m’athair Daibhidh tigh a thogail do ainm an Tighearn a Dhé, air son a’ chogaidh leis an do chuairtich a naimhdean e, gus an do chuir an Tighearn iad fuidh bhonnaibh a chos. 4 Ach a nis thug an Tighearna mo Dhia fois domhsa air gach taobh: cha ’n’eil nàmhaid air bith ann, no droch thuiteamas. 5 Agus feuch, tha mi a’ cur romham tigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhé, mar a labhair an Tighearna re m’athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise a’d’ àit air do righ-chathair, togaidh esan tigh do m’ainm-sa. 6 A nis uime sin àithn thusa gu’n gearr iad dhomhsa craobhan seudair (2) a Lebanon, agus bithidh mo sheirbhisich-sa maille re d’ sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseacha bheir mise dhuit, a réir gach ni a dh’ainmicheas (3) tu: oir tha fhios agad nach ’eil ’nar measg-ne duine d’an aithne fiodh a ghearradh, mar na Sidonaich. 7 Agus an uair a chuala Hiram briathra Sholaimh, bha aoibhneas mòr air, agus thubhairt e, Gu ma beannaicht’ an Tighearn an diugh, a thug do Dhaibhidh mac glic os cionn an t-sluaigh lìonmhoir so. 8 Agus chuir Hiram fios gu Solamh, ag ràdh, Chuala mi (4) na nithe mu’n do chuir thu fios do m’ionnsuidh: ni mi d’uile thoil a thaobh nan craobh seudair agus a thaobh nan craobh giuthais. 9 Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsuidh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad ’nan ràthaibh (5) air muir, gu ruig an t-àit a shònruicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr (6) iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus ni thu mo riar ann am biadh a thabhairt do m’ theaghlach. 10 Mar sin thug Hiram do Sholamh fiodh seudair, agus fiodh giuthais, a réir uile thoil. 11 Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas (7) cruithneachd mar lòn d’a theaghlach, agus fichead tomhas do (1) Thìor. (2) ceudair. (3) their. Eabh. (4) Smuainich mi air. (5) ’nan snàmhachain. (6) cuiridh mi o chéile. Eabh. (7) cor. Eabh. [TD 217] I. RIGH. CAIB. VI. oladh fhìor-ghloin: mar so thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna. 12 Agus thug an Tighearna gliocas do Sholamh, mar a gheall e dha (1): agus bha sìth eadar Hiram agus Solamh, agus rinn iad coi’-cheangal re chéile. 13 Agus rinn righ Solamh togail dhaoine a h-Israel uile; agus b’i an togail deich mìle fichead fear. 14 Agus chuir e iad do Lebanon, deich mìle sa’ mhìos mu’n seach: mìos bha iad ann an Lebanon, agus dà mhìos ’nan tighibh féin (2): agus bha Adoniram air ceann na togail. 15 Agus bha aig Solamh deich agus tri fichead mìle fear-iomchar eallaich, agus ceithir fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn: 16 A thuilleadh air ard luchd-dhreuchd Sholaimh, a bha os cionn na h-oibre, tri mìle agus tri cheud (3), aig an robh uachdranachd air an t-sluagh a bha deanamh na h-oibre. 17 Agus dh’àithn an righ, agus thug iad leo clacha mòra, clacha luachmhor, a shuidheachadh bunait an tighe, clacha snaidhte. 18 Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean-chlach (4) iad: mar sin rè thri bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an tighe. CAIB. VI. AGUS [anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a mach a tìr na h-Eiphit,] anns a’ cheathramh bliadhna [do rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil,] anns a’ mhìos Siph (is e sin an dara mìos) thòisich e air tigh a thogail do’n Tighearna. 2 Agus an tigh a thog righ Solamh do’n Tighearna, b’iad tri fichead làmh-choille fhad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich thar fhichead làmh-choille airde. 3 Agus an sgàth-thigh (5) air beulaobh teampuill an tighe, b’iad fichead làmh-choille fhad, a réir (6) leoid an tighe; agus deich làmhan-coille a leud, air beulaobh an tighe. 4 Agus rinn e do’n tigh uinneagan soluis air an tarruing cumhaing. 5 Agus thog e re (7) balladh an tighe seomraiche mu’n cuairt, re ballachaibh an tighe mu’n cuairt, araon an teampuill agus a’ ghuth-àit (8): agus rinn e frith-sheomraiche mu’n cuairt. 6 Bha’n seòmar ìochdrach cùig làmhan-coille air leud, agus an seòmar meadhonach sè làmhan-coille air leud, agus an treas seòmar seachd làmhan-coille air leud; oir thug e steach balladh an tighe (9) mu’n cuairt o’n taobh a muigh, air chor as nach rachadh na sailthean an greim ann am balladh an tighe. (1) mar a labhair e ris Eabh. (2) gach fear ’na thigh féin. Eabh. (3) sè ceud. II. Eachdr. Caib. II r. 18. (4) gibelim. Eabh. (5) àilear, for-dhorus; porch. Sasg. (6) air beulaobh. Eabh. (7) air. (8) àit an Dé-fhreagraidh; dabir. Eabh. oracle. Sasg. (9) rinn e socairean cumhaing ann am balladh an tighe. [TD 218] I. RIGH. CAIB. VI. 7 Agus an uair a bha’n tigh ’ga thogail, thogadh e do chlachaibh air an cumadh mun d’thugadh d’a ionnsuidh iad (1): agus cha chualas ord no tuagh, no inneal iaruinn sam bith, anns an tigh, an uair a bha e ’ga thogail. 8 Bha dorus an t-seòmair mheadhonaich air taobh deas an tighe: agus air staidhrichibh snìomhain chaidh iad suas do’n t-seòmar mheadhonach, agus as an t-seòmar mheadhonach do’n treas seòmar. 9 Mar so thog e an tigh, agus chrìochnaich se e; agus chòmhdaich e (2) an tigh le sailthibh agus le clàraibh seudair. 10 Agus thog e seomraiche ris an tigh uile, cùig làmhan-coille air airde: agus leig iad an cudthrom air an tigh le fiodh seudair. 11 Agus thàinig focal an Tighearna gu Solamh, ag ràdh, 12 A thaobh an tighe so a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdaibh-sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta; an sin coi’-lionaidh (3) mise m’fhocal duit, a labhair mi re Daibhidh t’athair. 13 Agus gabhaidh mi còmhnuidh am meadhon chloinn Israeil, agus cha tréig mi mo shluagh Israel. 14 Mar sin thog Solamh an tigh agus chrìochnaich se e. 15 Agus thog e ballachan an tighe air an taobh a stigh le clàraibh seudair, o urlar an tighe gu ruig mullach nam ballacha (4) chòmhdaich e iad le fiodh a stigh: agus chòmhdaich e urlar an tighe le clàraibh (5) giuthais. 16 Agus thog e fichead làmh-choille re taobhan an tighe, le clàraibh seudair, o’n urlar gu ruig mullach nam ballacha: agus thog e dha iad air an taobh a stigh, eadhon do’n ghuth-àit, do’n ionad ro-naomha. 17 Agus bha’n tigh, sin re ràdh, an teampull air a bheulaobh, dà fhichead làmh-choille air fad. 18 Agus bha feudar an tighe air an taobh a stigh gearrta (6) le cnapaibh, agus blàthaibh fosgailte: bu sheudar an t-iomlan, cha robh clach r’a faicinn. 19 Agus dh’ulluich e an guth-àit anns an tigh a steach, a chur an sin àirc coi’-cheangail an Tighearna. 20 Agus ann an taobh-beoil a’ ghuth-àit (7) bha fichead làmh-choille air fad, agus fichead làmh-choille air leud, agus fichead làmh-choille air airde: agus chòmhdaich se e le h-òr fior-ghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar. 21 Agus chòmhdaich Solamh an tigh a steach le h-òr fior-ghlan: agus rinn e balladh-dealachaidh (8) le slabhraidhibh òir air beulaobh a’ ghuth-àit, agus chòmhdaich e le h-òr e. 22 Agus chòmhdaich e an tigh uile le h-òr, gus an do chrìochnaicheadh an tigh uile: mar an ceudna an altair uile, (1) do chloich iomlain, do chloich deasaichte roimh làimh. (2) chuir e ceann air. (3) daingnichidh. (4) gu ruig ballacha cinn an tighe. (5) bordaibh. (6) breacta, air a ghràbhaladh. (7) anns a’ chuid-thoisich do’n oracul. (8) lantaoir. Eir. partition. Sasg. [TD 219] I. RIGH. CAIB. VII. a bha làimh ris a’ ghuth-àit, chòmhdaich e le h-òr. 23 Agus rinn e anns a’ ghuth-àit dà cherub do chrann-olaidh, gach aon diubh deich làmhan-coille air airde. 24 Agus bha cùig làmhan-coille ann an aon sgéith a’ cheruib, agus cùig làmhan-coille ann an sgéith eile a’ cheruib: bha deich làmhan-coille o bhàrr aon sgéith aige gu bàrr a sgéith eile. 25 Agus bha deich làmhan-coille anns a’ cherub eile: bha’n t-aon tomhas agus an aon mheud anns an dà cherub. 26 B’e airde aon cheruib deich làmhan-coille, agus mar sin bha airde a’ cheruib eile. 27 Agus chuir e na cheruban anns an tigh a b’fhaide a steach; agus shìn na cheruban an sgiathan amach, air chor as gu’n do bhean sgiath aon cheruib re aon bhalladh, agus sgiath a’ cheruib eile ris a’ bhalladh eile; agus bhean an sgiathan re chéile ann am meadhon an tighe. 28 Agus chòmhdaich e na cheruban le h-òr. 29 Agus bhreac e ballachan an tighe uile mu’n cuairt le dealbhaibh gearrta cheruban, agus chraobhan-pailme, agus bhlàth fosgailte (1), a stigh agus a muigh. 30 Agus urlar an tighe chòmhdaich e le h-òr, a stigh agus a muigh. 31 Agus do dhorus a’ ghuth-àit rinn e comhlacha do chrann-olaidh: bha’n t-ard-dhorus agus na h-ursainnean cùig-oisneach. 32 Bha’n dà chòmhladh mar an ceudna do chrann-olaidh; agus ghearr e orra dealbhan (2) cherub, agus chraobh-pailme, agus bhlàth fosgailte, agus chòmhdaich e le h-òr iad: agus sgaoil e òr air na cheruban, agus air na craobhan-pailme. 33 Agus air an dòigh cheudna rinn e do dhorus an teampuill, ursainnean do chrann-olaidh, ceithir-chearnach. 34 Agus bha’n dà chomhladh do fhiodh giuthais: bha dà dhuilleag aon chomhlaidh a’ filleadh, agus dà dhuilleag a’ chomhlaidh eile a’ filleadh. 35 Agus ghearr e orra cheruban, agus craobhan-pailme, agus blàthan-fosgailte: agus chòmhdaich e iad le h-òr, cumta ris an obair ghearrta. 36 Agus thog e a’ chùirt a stigh le tri sreathan (3) do chlachaibh snaidhte, agus sreath do shailthibh seudair. 37 Anns a’ cheathramh bliadhna shuidhicheadh bunait tighe an Tighearna, anns a’ mhìos Siph. 38 Agus anns an aon bhliadhna deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t-ochdamh mìos) chrìochnaicheadh an tigh ann a earrannaibh uile, agus a réir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ’ga thogail. CAIB. VII. ACH bha Solamh tri bliadhna deug a’ togail a thighe féin, agus chrìochnaich e a thigh uile. 2 Thog e mar an ceudna tigh frìthe (4) Lebanoin; ceud làmh-choille fhad, agus leth-cheud làmh-choille a leud, agus deich thar fhichead làmh-choille airde; (1) fosgladh bhlàthan. Eabh. (2) gearradh. (3) breathan. (4) coille. [TD 220] I. RIGH. CAIB. VII. air ceithir (1) sreathaibh do phostaibh seudair, agus sailthean seudair air na postaibh. 3 Agus chòmhdaicheadh e le seudar os a chionn air na sailthibh, a bha air dà fhichead agus cùig puist, cùig-deug anns gach sreath. 4 Agus bha tri sreathan uinneag (2) ann, agus solus fa chomhair soluis tri uairean. 5 Agus bha na dorsan uile agus na h-ursainnean ceithir-chearnach, maille ris na h-uinneagaibh: agus bha solus fa chomhair soluis tri uairean. 6 Agus rinn e sgàth-thigh do phostaibh; leth-cheud làmh-choille fhad, agus deich làmha-coille thar fhichead a leud: agus bha’n sgàth-thigh rompa sin, agus bha na puist eile agus na sailthean garbha rompa. 7 Rinn e mar an ceudna sgàth-thigh na righ-chathrach far am biodh e a’ tabhairt breth, eadhon sgàth-thigh a’ bhreitheanais: agus chòmhdaicheadh e le seudar o aon taobh do’n urlar gu ruig an taobh eile. 8 Agus aig a thigh féin anns an do chòmhnuich e, bha cùirt (3) eile an taobh a stigh do’n sgàth-thigh, a bha do’n obair cheudna. Rinn e cuideachd tigh do nighinn Pharaoih, a ghabh Solamh dha féin ’na mnaoi, cosmhuil ris an sgàth-thigh so. 9 Bha iad sin uile do chlachaibh luachmhora, a réir tomhais chlach snaidhte, air an sàbhadh (4) le sàibh a stigh agus a muigh, eadhon o’n bhunait gu ruig na clacha-mullaich (5), agus mar sin air an taobh a mach gu ruig a’ chùirt mhòr. 10 Agus bha a’ bhunait do chlachaibh luachmhora, do chlachaibh mòra; clacha san robh deich làmhan-coille, agus clacha san robh ochd làmhan-coille. 11 Agus gu h-ard bha clacha luachmhora (a réir tomhais chlach snaidhte) agus seudair. 12 Agus aig a’ chùirt mhòir mu’n cuairt bha tri sreathan do chlachaibh snaidhte, agus sreath do shailthibh seudair: air an dòigh cheudna aig cùirt a steach tighe an Tighearna, agus aig sgàth-thigh an tighe. 13 Agus chuir righ Solamh fios, agus thug e Hiram o Thirus. 14 Bu mhac bantraich e do thréibh (6) Naphtali, agus b’fhear o Thirus athair, ceard umha: agus bha e làn do ghliocas, agus do thuigse, agus do eòlas a dheanamh gach oibre ann an umha: agus thàinig e dh’ionnsuidh righ Solamh, agus rinn e obair uile. 15 Oir dhealbh e dà phost umha: ochd lamha-coille deug airde gach puist dhiubh, agus chaidh snàthainn anns an robh dà làmh-choille dheug mu’n cuairt air gach (7) post dhiubh. 16 Agus rinn e dà cheann do umha leaghta, chum an cur air mullach nam post: cùig làmha-coille airde aon chinn, agus cùig làmha-coille airde a’ chinn eile. 17 Lìonta do lìon-obair (8), stìoman do obair shlabhraidh, do na cinn a bha air mullach (1) tri. (2) leusan, sholusan. (3) lann, lios. (4) gearradh. (5) clachan-iomchair. (6) do fhineadh, chloinn. (7) an dara. Eabh. (8) do obair tharsuinn. [TD 221] I. RIGH. CAIB. VII. nam post: seachd do aon cheann, agus seachd do’n cheann eile. 18 Agus rinn e pomgranatan, dà shreath (1) mu’n cuairt air aon lìon-obair, a chòmhdachadh nan ceann a bha air mullach nam post (2): agus mar sin rinn e ris a’ cheann eile. 19 Agus bha na cinn a bh’air mullach nam post, do obair lili anns an sgàth-thigh, ceithir làmha-coille. 20 Agus bha cinn (3) air an dà phost mar an ceudna gu h-ard, làimh ris a’ bhalg a bha air an taobh thall do’n lìon-obair: agus bha dà cheud pomgranat ann, ’nan sreathaibh mu’n cuairt air a’ cheann eile. 21 Agus chuir e suas na puist ann an sgàth thigh an teampuill: agus chuir e suas am post deas, agus thug e Iachin mar ainm air; agus chuir e suas am post cli, agus thug e Boas mar ainm air. 22 Agus air mullach nam post bha obair lili: mar so chrìochnaicheadh obair nam post. 23 Agus rinn e muir leaghta, deich làmhan-coille o bhile (4) gu bile; cruinn mu’n cuairt, agus cùig làmhan-coille a h-airde: agus chuairtich snàthainn dheich làmha-coille thar fhichead i air gach taobh. 24 Agus bha mill fuidh a bile ’ga cuairteachadh mu’n cuairt, deich anns an làmh-choille, a’ dol mu thimchioll na mara: thilgeadh dà shreath mheall an uair a thilgeadh i féin. 25 Sheas i air dà dhamh dheug, tri ag amharc gu tuath, agus tri ag amharc an iar (5), agus tri ag amharc gu deas, agus tri ag amharc an ear (6): agus chuireadh a’ mhuir orra gu h-ard, agus bha a’ chuid dheiridh dhiubh uile a stigh. 26 Agus bha leud boise air tiughaid innte, agus bha a bile air a dheanamh mar bhile copain, le blàthaibh lili: chum i dà mhìle bat. 27 Agus rinn e deich buinn (7) umha: ceithir làmha-coille fad gach (8) buinn, agus ceithir làmha-coille a leud, agus tri lamha-coille airde. 28 Agus bha obair nam bonn air an dòigh so: bha iomaill (9) aca, agus bha na h-iomaill eadar na tàdhacha (10). 29 Agus air na h-iomaill a bha eadar na tàdhacha bha leòmhainn, daimh, agus cheruban: agus air na tàdhachaibh bha mar sin (11) gu h-ard: agus fuidh na leòmhainn agus na daimh bha ath-leasachadh a dh’obair thana (12). 30 Agus bha ceithir rothan umha aig gach bonn, agus clàir (13) umha; agus aig a cheithir oisnibh bha guailne (14): fuidh’n t-soitheach-ionnlaid bha guailne leaghta, aig taobh gach ath-leasachaidh. 31 Agus bha a bheul an taobh a stigh do’n cheann, agus shuas, làmh-choille air leud: ach bha a bheul cruinn a réir oibre a’ bhuinn, làmh-choille gu leth: agus mar an ceudna air a bheul bha gearraidhean (15), agus an io- (1) na puist, agus dà shreath. (2) air a’ mhullach, maille re pomgranataibh. (3) Bha pomgranatan aig na cinn. (4) oir. (5) siar. (6) soir. (7) bunaite. (8) aon: Eabh. (9) oirean. (10) ceumaibh. (11) bonn. (12) obair shìnte. (13) lannan. (14) pruip, casan, buill-iomchair. (15) gravings. Sasg. [TD 222] I. RIGH. CAIB. VII. maill ceithir-chearnach, cha’n ann cruinn. 32 Agus bha ceithir rothan fuidh na h-iomallaibh: agus bha mulan (1) nan roth an greim anns a’ bhonn: agus b’e airde gach rotha làmh-choille gu leth. 33 Agus bha obair nan roth cosmhuil re obair rotha carbaid: bha am mulan, agus an cìochan, agus an cuairsgeinean, agus an tarsanain uile leaghta. 34 Agus bha ceithir guailne re ceithir oisnibh gach buinn; na guailne do’n bhonn féin. 35 Agus ann am mullach a’ bhuinn, leth làmh-choille air airde, bha cuairt mu thimchioll: agus air mullach a’ bhuinn bha a làmhan (2) agus iomaill dheth féin. 36 Agus air clàraibh a làmh, agus air iomallaibh, ghearr e cheruban, leòmhainn agus craobha pailme, a réir riochd gach aon diubh, agus ath-leasachadh mu’n cnairt. 37 Mar so rinn e na deich buinn: an t-aon tilgeadh, an t-aon tomhas, an t-aon ghearradh (3) aca uile. 38 Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid umha: chumadh (4) gach soitheach-ionnlaid dhiubh dà fhichead bat: bha ceithir làmhan-coille anns gach soitheach-ionnlaid: chuireadh aon soitheach ionnlaid air gach aon do na deich buinn. 39 Agus chuir e cùig buinn air taobh (5) na làimhe deise do’n tigh, agus cùig air taobh na làimhe cli dheth: agus chuir e a’ mhuir air taobh na làimhe deise do’n tigh, a làimh na h-airde ’n ear, fa chomhair na h-airde deas. 40 Agus rinn Hiram na soithichean-ionnlaid, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus chuir Hiram crìoch air deanamh na h-oibre uile a rinn e do righ Solamh air son tighe an Tighearna: 41 An dà phost, agus dà chuairt (6) nan ceann a bh’air mullach an dà phuist: agus an dà lìon-obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bh’air mullach nam post: 42 Agus ceithir cheud pomgranat do’n dà lìon-obair: dà shreath phomgranat do gach lìon-obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bh’air na puist: 43 Agus na deich buinn, agus na deich soithichean-ionnlaid air na buinn: 44 Agus aon mhuir, agus dà dhamh dheug fuidh’n mhuir: 45 Agus na h-aigheannan (7), agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus na soithiche sin uile a rinn Hiram do righ Solamh air son tighe an Tighearna, bha iad do umha lìobhta (8). 46 Ann an còmhnard Iordain thilg an righ iad anns an talamh chreadha, eadar Sucot agus Sartan. 47 Agus dh’fhàg Solamh na soithichean (9) uile gun chothromachadh, airson an lìonmhoireachd anbarraich: cha d’fhuaradh a mach (10) cothrom an umha. 48 Agus rinn Solamh an t-uidheam (11) uile a bhuineadh do (1) aisilean; làmhan. Eabh. (2) tharsanain. (3) mheud. (4) ghabhadh. (5) gualainn. Eabh. (6) shoitheach cruinn. (7) poitean. (8) dealrach, fior-ghlan. (9) an t-uidheam. (10) cha do rannsaicheadh. (11) an airneis, na soithiche. [TD 223] I. RIGH. CAIB. VIII. thigh an Tighearna: an altair do òr, agus am bord, air an robh aran na fianuis, do òr: 49 Agus na coinnleirean, cùig air an làimh dheis, agus cùig air an làimh chli, air beulaobh a’ ghuth-àite, do òr fior-ghlan; agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan (1), do òr. 50 Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na copain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, do òr fior-ghlan: agus na lùthdagan do òr, an dà chuid do dhorsaibh an tighe a steach, eadhon an ionaid ro-naomha, agus do dhorsaibh an tighe, eadhon an teampuill. 51 Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn righ Solamh air son tighe (2) an Tighearna: agus thug Solamh a stigh nithe naomhaichte (3) Dhaibhidh athar; eadhon an t-airgiod, agus an t-òr, agus an t-uidheam (4), chuir e am measg ionmhais tighe an Tighearna. CAIB. VIII. AN SIN chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan aithriche chloinn Israeil, gu righ Solamh ann an Ierusalem, chum gu’n d’thugadh iad a nìos àirc coi’-cheangail an Tighearna, a baile Dhaibhidh: is e sin Sion. 2 Agus chruinnich fir Israeil uile iad féin a dh’ionnsuidh righ Solaimh, air an fhéill (5) ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos. 3 Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na sagairt an àirc. 4 Agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus pàilliun a’ choi’-thionail, agus an t-uidheam naomh uile a bha sa’ phàilliun; eadhon iad sin thug na sagairt agus na Lebhithich suas. 5 Agus bha righ Solamh, agus coi’-thional Israeil uile, a thionail d’a ionnsuidh, maille ris roimh an àirc, ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e’n comas àireamh, no mheas, a thaobh lìonmhoireachd. 6 Agus thug na sagairt a steach àirc coi’-cheangail an Tighearna d’a h-àite féin, do ghuth-àit an tighe, do’n ionad a’s ro-naomha, eadhon fuidh sgiathaibh nan cherub. 7 Oir sgaoil na cheruban a mach an sgiathan os cionn àite na h-àirce, agus chòmhdaich na cheruban an àirc, agus a lunnan (6) gu h-ard. 8 Agus tharruing iad a mach na lunnan, air chor as gu’m faicte cinn nan lunn as an ionad naomh fa chomhair a’ ghuth-àite, ach cha’n fhaicte a mach iad: agus tha iad an sin gus an la’n diugh. 9 Cha robh ni air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Horeb, an uair a rinn Tighearna coi’-cheangal re cloinn Israeil, ag teachd a mach dhoibh a tìr na h-Eiphit. 10 Agus an uair a thàinig na sagairt a mach as an ionad naomha, lìon an neul tigh an Tighearna; 11 Air chor as nach b’ur (1) teanchairean. (2) ann an tigh. (3) nithe coisrigte. (4) na soithiche. (5) fhéisd. (6) bataichean. [TD 224] I. RIGH. CAIB. VIII. rainn na sagairt seasamh a fhrithealadh leis an neul: oir lìon glòir an Tighearna tigh an Tighearna. 12 An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gu’n gabhadh e còmhnuidh ann an dorchadas tiugh. 13 Gu dearbh thog mise tigh-còmhnuidh dhuit, àite deas (1) chum thu dh’fhantuinn ann gu bràth. 14 Agus thionndaidh an righ aghaidh, agus bheannaich e uile choi’-thional Israeil (agus uile choi’-thional Israeil ’nan seasamh) 15 Agus thubhairt e, Gu ma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le bheul féin re m’athair Daibhidh, agus a choi’-lion e le làimh (2), ag ràdh, 16 O’n là air an d’thug mi mo shluagh Israel a mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith a uile threubhaibh (3) Israeil, a thogail tighe, chum gu’m biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhi os cionn mo shluaigh Israeil. 17 Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athar, tigh a thogail do ainm an Tighearna Dé Israeil. 18 Agus thubhairt an Tighearna re Daibhidh m’athair, A chionn gu’n robh e ann do chridhe tigh a thogail do m’ainm-sa, is maith a rinn thu gu’n robh e ann do chridhe. 19 Gidheadh, cha tog thusa an tigh, ach do mhac a thig a mach as do leasraidh, togaidh esan an tigh do m’ainm-sa. 20 Agus choi’-lion (4) an Tighearn fhocal a labhair e, agus dh’éirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athar, agus tha mi a’m’ shuidhe air righ-chathair Israeil, mar a labhair (5) an Tighearna, agus thog mi tigh do ainm an Tighearna Dé Israeil. 21 Agus shuidhich mi’n sin àite do’n àirc, anns am bheil coi’-cheangal an Tighearna, a rinn e r’ar n-aithrichibh, an uair a thug e mach iad a tìr na h-Eiphit. 22 Agus sheas Solamh air beulaobh altair an Tighearna, ann an làthair uile choi’-thionail Israeil, agus sgaoil e mach a làmhan gu nèamh: 23 Agus thubhairt e, A Thighearna Dhé Israeil, cha ’n’eil Dia ann cosmhuil riutsa anns na nèamhaibh shuas no air an talamh a bhos (6), a chumas coi’-cheangal agus tròcair re d’ sheirbhisich a ghluaiseas a’d’ fhianuis le’n uile chridhe: 24 A chum re t’òglach Daibhidh m’athair an ni a labhair thu ris; oir labhair thu le d’ bheul, agus le d’ làimh choi’-lion thu, mar air an la’n diugh. 25 A nis uime sin, a Thighearna Dhé Israeil, cum re t’òglach Daibhidh m’athair an ni a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine dhìth ort a’m’ fhianuis-sa, a shuidheas air righ-chathair Israeil; ma bheir a mhàin do chlann an aire d’an slighe, le gluasad a’m’ fhianuis-sa, mar a ghluais thusa a’m’ fhianuis. 26 Agus a nis, a Dhé Israeil, daingnichear (7), guidheam ort, t’fhocal, a labhair thu re t’òglach Daibhidh m’athair. 27 Ach an gabh Dia da rì- (1) suidhichte. (2) le chumhachd. (3) theaghlaichibh, fhineachaibh. (4) dhaingnich. Eabh. (5) gheall. (6) shìos. (7) firinnichear. [TD 225] I. RIGH. CAIB. VIII. readh còmhnuidh air an talamh? feuch, cha chum na nèamha agus nèamha nan nèamh thusa; cia gu mòr as lugha na sin an tigh so a thog mise? 28 Gidheadh amhairc air (1) urnuigh do sheirbhisich, agus air athchuinge (2), a Thighearna mo Dhia, a dh’éisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an urnuigh, a tha do sheirbhiseach a’ deanamh a’t’ fhianuis an diugh: 29 A chum as gu’m bi do shùilean fosgailte ris an tigh so a dh’oidhche agus do là eadhon ris an àite mu’n dubhairt thu, Bithidh m’ainm an sin: a chum as gu’n éisd thu ris an urnuigh a ni do sheirbhiseach dh’ionnsuidh an àite so (3). 30 Agus éisd thusa re ath-chuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israeil, an uair a ni iad urnuigh a dh’ionnsuidh an àite so: agus éisd thusa o d’ àite-còmhnuidh, o na nèamhaibh (4), agus an uair a dh’éisdeas tu maith (5) dhoibh. 31 Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gu’n d’thig na mionnan air beulaobh t’altarach anns an tigh so; 32 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, agus dean, agus thoir breth air do sheirbhiseachaibh, a’ dìteadh an aingidh, gu shlighe a thabhairt air a cheann féin, agus a’ fireanachadh (6) an fhìrein, a thabhairt da a réir fhìreantachd (7). 33 An uair a bhuailear da shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gu’n do pheacaich iad a’t’ aghaidh, agus a philleas iad riut, agus a dh’aidicheas iad t’ainm, agus a ni iad urnuigh, agus a ghuidheas iad ort anns an tigh so; 34 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, agus maith peacadh do shluaigh Israeil, agus thoir a rìs iad do’n fhearann a thug thu d’an aithrichibh. 35 An uair a dhruidear na nèamha, agus nach bi uisge ann, a chionn gu’n do pheacaich iad a’t’ aghaidh-sa, agus a ni iad urnuigh a dh’ionnsuidh an àite so, agus a dh’aidicheas iad t’ainm, agus a dh’iompoichear iad o’m peacadh, an uair a chuireas tu fuidh àmhghar iad; 36 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israeil, a chum as gu’n teagaisg thu dhoibh an t-slighe mhaith anns an còir dhoibh gluasad, agus gu’n cuir thu uisge air t’fhearann, a thug thu do d’ shluagh mar oighreachd. 37 Ma bhios gortadh anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar-dhealt (8), locuist, ma bhios burruis (9) ann; ma theannaicheas (10) a nàmhaid e ann an tìr a bhailte, ciod air bith plàigh, ciod air bith euslaint a bhios ann: 38 Ge b’e urnuigh, ge b’e ath-chuinge a chuirear suas le duine sam bith, no le d’ shluagh Israel uile, ma bhios fios aig gach aon (1) biodh suim agad do. (2) aslach. (3) a làimh an àite so, anns an àite so. (4) ann ad àite-còmhnuidh, ann am flaitheanas. (5) lagh. (6) a’ saoradh, glanadh. (7) ionracais. (8) crith-reodh, mill-cheo, earc-dhrùchd. (9) luschuach; caterpillar. Sasg. hasil. Eabh. (10) chumhaingicheas, chuairticheas. [TD 226] I. RIGH. CAIB. VIII. air plàigh a chridhe féin, agus ma sgaoileas e mach a làmhan a dh’ionnsuidh an tighe so; 39 An sin éisd thusa o na nèamhaibh t’àite-còmhnuidh, agus maith, agus dean, agus thoir do gach duine a réir a shlighean uile, a tha fios agad air a chridhe; (oir is ann agadsa, agadsa mhàin a tha fios air cridheachaibh uile chloinn nan daoine:) 40 A chum gu’m bi eagal orra romhad-sa rè nan uile làithean a bhios iad beo anns an fhearann (1), a thug thu d’ar n-aithrichibh. 41 Os bàrr (2), a thaobh coigrich nach ’eil do d’ shluagh Israel, ach a thig a tìr chéin (3) air sgàth t’ainm-sa, 42 (Oir cluinnidh iad mu t’ainm mòr-sa, agus mu d’ làimh làidir, agus do ghairdean sìnte mach:) an uair a thig e agus a ni e urnuigh a dh’ionnsuidh an tighe so; 43 Eisd thusa o na nèamhaibh t’àite-còmhnuidh, agus dean a réir nan uile nithe mu’n glaodh an coigreach riut: a chor as gu’m bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air t’ainm-sa, chum gu’m bi eagal orra romhad mar a ta air do shluagh Israel, agus gu’m bi fios aca gu bheil an tigh so a thog mise air ainmeachadh ort. 44 Ma théid do shluagh a mach a chogadh an aghaidh an naimhde, ge b’e rathad a chuireas tu iad, agus gu’n dean iad urnuigh ris an Tighearn a làimh (4) a’ bhaile a ròghnaich thusa, agus an tighe a chuir mise suas do t’ainm; 45 An sin éisd thusa o na nèamhaibh r’an urnuigh agus r’an athchuinge, agus seas (5) an còir. 46 Ma pheacaicheas iad a’t’ aghaidh, (oir cha ’n’eil duine ann nach peacaich,) agus gu’n las t’fhearg ’nan aghaidh, agus gu’n d’thoir thu thairis iad d’an naimhdibh, agus gu’n d’thoir iad leo ’nam braighdibh iad do thìr an naimhde, am fad no’m fagus; 47 Gidheadh, ma ni iad aithreathas ’nan cridhe (6) anns an tìr d’an d’thugadh ’nam braighdibh iad, agus ma dh’iompoichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo ’nam braighdibh iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn (7) sinn gu h-eucorach, rinn sinn gu h-aingidh: 48 Agus mar so ma philleas iad a’t’ ionnsuidh-sa le’n (8) uile chridhe, agus le’n uile anam, ann an tìr an naimhde, a thug leo ’nam braighdibh iad, agus ma ni iad urnuigh riutsa rathad an tìre féin, a thug thu d’an aithrichibh, rathad a’ bhaile a ròghnuich thu, agus an tighe a thog mi do t’ainm; 49 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, t’àite-còmhnuidh, r’an urnuigh agus r’an ath-chuinge, agus seas an còir, 50 Agus maith do d’ shluagh a pheacaich a’t’ aghaidh, agus an eusaontais uile a rinn iad a’t’ aghaidh, agus faigh truas dhoibh an làthair na muinntir a thug (1) air aghaidh an fhearainn. Eabh. (2) A thuill’ air sin. (3) fad as. (4) a dh’ionnsuidh. (5) cum suas; dean. Eabh. (6) ma philleas iad d’an cridhe. Eabh. (7) agus rinn. (8) ’nan. Eabh. [TD 227] I. RIGH. CAIB. VIII. leo ’nam braighdibh iad, a chum as gu’n gabh iad truas riu: 51 Oir is iad do shluagh-sa agus t’oighreachd iad, a thug thu mach as an Eiphit, a meadhon na h-àmhuinne iaruinn: 52 A chum as gu’m bi do shùile fosgailte re athchuinge do sheirbhisich, agus re athchuinge do shluaigh Israeil, a dh’éisdeachd riu anns gach ni mu’n gairm iad ort. 53 Oir dhealaich thu iad chum oighreachd dhuit féin o uile shluagh na talmhainn, mar a labhair thu le làimh Mhaois t’òglaich féin, an uair a thug thu ar n-aithriche mach as an Eiphit, a Thighearna Dhé. 54 Agus an uair a chuir Solamh crìoch air an urnuigh so uile a dheanamh ris an Tighearn, agus an athchuinge so, dh’éirich e o bheulaobh altarach an Tighearna, o e féin a lùbadh air a ghlùinibh, agus a làmhan sgaoilte dh’ionnsuidh nan nèamh: 55 Agus sheas e, agus bheannaich e uile choi’-thional Israeil, le guth mòr, ag ràdh, 56 Gu ma beannaicht’ an Tighearn a thug suaimhneas (1) d’a shluagh Israel, a réir nan uile nithe a labhair (2) e: cha do thuit (3) aon fhocal gu làr d’a bhriathraibh maithe uile, a labhair e le làimh Mhaois, òglaich féin. 57 Gu’n robh an Tighearn ar Dia maille ruinne, mar a bha e maille re’r n-aithrichibh: na fàgadh e sinn, agus na tréigeadh e sinn: 58 A chum as gu’n aom e ar cridhe thuige (4) féin, a ghluasad ’na shlighibh uile, agus a ghleidheadh àitheanta, agus a reachdan, agus a bhreitheanasa, a dh’àithn e d’ar n-aithrichibh. 59 Agus gu’n robh na briathra so agamsa, leis an do chuir mi suas athchuinge am fianuis an Tighearna, am fagus do’n Tighearn ar Dia a là agus a dh’oidhche, a chum as gu’n seas e còir a sheirbhisich, agus còir a shluaigh Israeil, anns gach àm, mar a dh’iarras a’ chuis (5): 60 A chum gu’m bi fios aig uile shluagh na talmhainn gur e’n Tighearn a’s Dia ann, agus nach ’eil ann ach e. 61 Bitheadh bhur cridhe uime sin iomlan leis an Tighearn ar Dia, a ghluasad ’na reachdaibh, agus a ghleidheadh àitheanta, mar air an la’n diugh. 62 Agus dh’ìobair an righ, agus Israel uile maille ris, ìobairt am fianuis an Tighearna. 63 Agus dh’ìobair Solamh ìobairt thabhartasa-sìth, a dh’ìobair e do’n Tighearna, dà mhìle thar fhichead bò, agus ceud agus fichead mìle caora: mar sin choisrig (6) an righ, agus clann Israeil uile, tigh an Tighearna. 64 Air an là sin féin naomhaich an righ meadhon na cùirte, a bh’air beulaobh tighe an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairte-loisgte, agus tabhartasa-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìth; a chionn gu’n robh an altair umha a bha’m fianuis an Tighearna, ro bheag a ghabhail nan ìobairt-loisgte, agus nan tabhartas-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìth. 65 Agus chum Solamh anns (1) fois, tàmh. (2) gheall. (3) cha d’fhàilnich. (4) chuige. (5) gnothuch gach là ’na latha féin. Eabh. (6) naomhaich. [TD 228] I. RIGH. CAIB. IX. an àm sin féill (1), agus Israel uile maille ris, coi’-thional mòr o dhol a stigh Hamait gu ruig abhuinn na h-Eiphit, am fianuis an Tighearn ar Dé, seachd laithean agus seachd laithean, eadhon ceithir là deug. 66 Air an ochdamh là leig e air falbh an sluagh: agus bheannaich iad an righ, agus chaidh iad a dh’ionnsuidh am bùth, subhach agus aoibhinn ’nan cridhe, air son a’ mhaith uile a rinn an Tighearna do Dhaibhidh a sheirbhiseach agus d’a shluagh Israel. CAIB. IX. AGUS an uair a chuir Solamh crìoch air tigh an Tighearn agus tigh an righ a thogail, agus uile mhiann Sholaimh bu taitneach leis a dheanamh, 2 Dh’fhoillsich an Tighearn e féin do Sholamh an dara h-uair, mar a dh’fhoillsich se e féin da ann an Gibeon. 3 Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi t’urnuigh agus t’athchuinge a chuir thu suas a’m’ fhianuis: naomhaich mi an tigh so a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bithidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là (2). 4 Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianuis, mar a ghluais Daibhidh t’athair, ann an iomlaine cridhe, agus ann an ionracas, a dheanamh a réir nan uile nithe a dh’àithn mise dhuit, agus gu’n gléidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais, 5 An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi re Daibhidh t’athair, ag ràdh, Cha bhi duine dhìth ort air righ-chathair Israeil. 6 Ach ma thionndaidheas sibh da rìreadh o m’ leantuinn-sa, sibh féin agus bhur clann, agus nach gléidh sibh m’àitheantan agus mo reachdan a chuir mi roimhibh, ach gu’m falbh sibh agus gu’n dean sibh seirbhis do dhéibh eile, agus gu’n sleuchd sibh (3) dhoibh: 7 An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhoibh; agus an tigh so a naomhaich mi do m’ainm féin, tilgidh mi as mo shealladh; agus bithidh Israel ’na ghnàth-fhocal, agus ’na leth-fhocal (4) am measg nan uile shluagh: 8 Agus an tigh so a bha (5) co ard, gach neach a ghabhas seachad air, bithidh iongnadh air, agus ni e sgeig (6); agus their iad, C’ar son a rinn an Tighearna mar so ris an tìr so, agus ris an tigh so? 9 Agus freagraidh (7) iad, A chionn gu’n do thréig iad an Tighearn an Dia, a thug a mach an aithriche a tìr na h-Eiphit, agus gu’n do ghabh iad d’an ionnsuidh (8) diathan eile, agus gu’n do shleuchd iad dhoibh, agus gu’n do rinn iad seirbhis dhoibh: uime sin thug an Tighearn orra an t-olc so uile. 10 Agus an ceann fhichead bliadhna, anns an do thog Solamh an dà thigh, tigh an Tighearn agus tigh an righ, 11 A chionn gu’n d’thug Hi- (1) cuirm, féisd. (2) an còmhnuidh. (3) crom sibh sìos. Eabh. (4) fhocal-fochaid. (5) tha. (6) feadaidh e; he will hiss. Sasg. (7) their. Eabh. (8) rinn iad greim air. [TD 229] I. RIGH. CAIB. IX. ram righ Thìruis seachad do Sholamh fiodh seudair, agus fiodh giuthais, agus òr, gu uile thoil, an sin thug righ Solamh do Hiram fichead baile ann an tìr na Galile. 12 Agus thàinig Hiram a mach a Tìrus a dh’fhaicinn nam bailtean a thug Solamh dha; ach cha do thaitinn iad ris. 13 Agus thubhairt e, Ciod iad na bailte sin a thug thu dhomh, a bhràthair? Agus thugadh fearann Chabuil mar ainm orra gus an la’n diugh. 14 Agus chuir Hiram a dh’ionnsuidh an righ sè fichead tàlann òir. 15 Agus is e so aobhar na cìse a thog righ Solamh a thogail tighe an Tighearna, agus a thighe féin, agus Mhilo, agus ballaidh Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Gheseir. 16 Chaidh Pharaoh righ na h-Eiphit suas, agus ghlac e Geser, agus loisg se e le teine, agus mharbh e na Canaanaich a bha chòmhnuidh sa’ bhaile, agus thug se e mar thiodhlac d’a nighinn, mnaoi Sholaimh. 17 Agus thog Solamh Geser, agus Bet-horon ìochdarach, 18 Agus Baalat, agus Tadmor san fhàsach anns an tìr, 19 Agus na h-uile bhailte ionmhais a bh’aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc-shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais (1) uile. 20 Agus an sluagh uile a dh’fhàgadh beo do na h-Amoraich, do na Hitich, do na Perisich, do na Hibhich, agus do na Iebusaich, nach robh do chloinn Israeil, 21 An clann a dh’fhàgadh ’nan déigh san tìr, nach b’urrainn clann Israeil a sgrios gu tur, dhiubhsan thog Solamh daor-chìs gus an la’n diugh. 22 Ach do chloinn Israeil cha d’rinn Solamh tràill sam bith: ach bha iad ’nam fir-chogaidh, agus ’nan seirbhisich aige, agus ’nan uachdaranaibh, agus ’nan ceannardaibh, agus ’nan riaghlairibh a charbad agus a mharc-shluaigh. 23 B’iad so uachdarain an luchd-dreuchd a bha os cionn oibre Sholaimh, cùig ceud agus leth-cheud, a riaghail os cionn an t-sluaigh a dh’oibrich san obair. 24 Ach chaidh nighean Pharaoih suas a baile Dhaibhidh d’a tigh féin, a thog Solamh dh’i: an sin thog e Milo. 25 Agus dh’ìobair Solamh tri uaire sa’ bhliadhna ìobairte-loisgte, agus ìobairte-sìth air an altair a thog e do’n Tighearna, agus loisg e tùis air an altair a bha (2) ’m fianuis an Tighearna: agus chrìochnaich e ’n tigh. 26 Agus rinn righ Solamh loingeas (3) ann an Esion-geber, a tha làimh re Elot, air tràigh na mara ruaidhe, ann an tìr Edoim. 27 Agus chuir Hiram anns an loingeas òglaich féin, maraichean (4) aig an robh eòlas na fairge, maille re òglaich Sholaimh. (1) uachdaranachd. (2) oirre-san a bha. Eabh. (3) long. (4) sciopairean. [TD 230] I. RIGH. CAIB. X. 28 Agus thàinig iad gu h-Ophir, agus thug iad as sin òr, ceithir cheud agus fichead tàlann, agus thug iad gu righ Solamh e. CAIB. X. AGUS an uair a chuala ban-righinn (1) Sheba cliu Sholaimh ann an ainm (2) an Tighearna, thàinig i g’a dhearbhadh le ceisdibh cruaidhe (3). 2 Agus thàinig i do h-Ierusalem le cuideachd ro-mhòir, le càmhalaibh a’ giùlan spìosraidh (4), agus ro-mhòran òir agus chlacha luachmhor (5): agus thàinig i dh’ionnsuidh Sholaimh, agus labhair i ris gach ni a bha ’na cridhe. 3 Agus mhìnich Solamh dh’i a briathran (6) uile: cha robh ni air bith am folach air an righ nach do mhìnich e dh’i. 4 Agus an uair a chunnaic ban-righinn Sheba uile ghliocas Sholaimh, agus an tigh a thog e, 5 Agus biadh a bhuird, agus suidhe (7) a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh, agus an truscan (8), agus a ghillean-cupain, agus a dhol suas air an deachaidh e suas gu (9) tigh an Tighearna, cha robh spiorad innte ni’s mò. 6 Agus thubhairt i ris an righ, B’fhìor an t-iomradh (10) a chuala mise ann am thìr féin air do ghnìomharaibh (11), agus air do ghliocas. 7 Gidheadh, cha do chreid mi na briathra, gus an d’thàinig mi, agus gu’m faca mo shùilean féin e; agus feuch, cha d’innseadh a leth dhomh: chaidh do ghliocas agus do shoirbheachadh thar (12) an iomradh a chuala mi. 8 Is sona do dhaoine, is sona iad so do sheirbhisich a sheasas a’t’ fhianuis an còmhnuidh, ag éisdeachd re d’ ghliocas. 9 Gu ma beannuichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gu d’ chur air righ-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearn do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa a’d’ righ, a dheanamh breitheanais agus ceartais. 10 Agus thug i do’n righ sè fichead tàlann òir, agus ro-mhòran do spìosraidh, agus clachan luachmor: (cha d’thàinig riamh tuilleadh a leithid so do phailteas spìosraidh, as a thug ban-righinn Sheba do righ Solamh. 11 Agus mar an ceudna loingeas (13) Hiraim a ghiùlain òr o Ophir, thug i o Ophir ro-mhòran do fhiodh (14) almuig, agus clacha luachmhor. 12 Agus rinn an righ do’n fhiodh almuig puist do thigh an Tighearna, agus do thigh an righ, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean do’n luchd-ciuil: cha d’thàinig a leithid so do fhiodh almuig, agus cha’n fhacas a leithid gus an la’n diugh.) 13 Agus thug righ Solamh do bhan-righinn Sheba a h-uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh (1) ban-righ. (2) agus ainm. (3) toimhseachanaibh. (4) nithe cùbhraidh. (5) leug. (6) ceisdean. (7) còmhnuidh. (8) earradh, eudach. (9) na h-ìobairte-loisgte a dh’ìobair e ann. (10) B’fhìrinn am focal. (11) do bhriathraibh, do ràdhaibh. (12) chuir thu gliocas agus maith ris. Eabh. (13) long. (14) chrannaibh. [TD 231] I. RIGH. CAIB. X. air na thug e dh’i a réir fhialaidheachd rìoghail féin (1): agus phill i, agus dh’fhalbh i d’a tìr, i féin agus a seirbhisich. 14 A nis b’e cothrom (2) an òir a thàinig gu Solamh ann an aon bhliadhna, sè ceud, tri fichead, agus sè tàlannan òir: 15 A thuilleadh air na fhuair e o na ceannaichibh, agus o mhalairt (3) an luchd-spìosraidh, agus o uile righibh Arabia, agus o uachdaranaibh na tìre. 16 Agus rinn righ Solamh dà cheud sgiath do òr buailte (4): sè ceud secel òir chuir e chum gach sgéithe. 17 Agus rinn e tri cheud targaid do òr buailte: tri puind òir chuir e chum gach targaide: agus chuir an righ iad ann an tigh frìthe Lebanoin. 18 Rinn an righ mar an ceudna righ-chathair mhòr do fhiaclaibh elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr bu ghloine. 19 Bha sè ceuman aig an righ-chathair, agus bha mullach na righ-chathrach cruinn o cùl; agus bha làmhan air gach taobh do’n àite-shuidhe, agus dà leomhan a’ seasamh làimh ris na làmhan. 20 Agus sheas dà leòmhan dheug an sin air na sè ceumaibh, air an taobh so agus air an taobh ud: cha d’rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile. 21 Agus bha uile shoithichean òil righ Solaimh do òr, agus uile shoithiche tighe frìthe Lebanoin do òr fior-ghlan: cha robh aon diubh do airgiod; cha robh meas air bith dheth ann an laithibh Sholaimh. 22 Oir bha loingeas Tharsis aig an righ air muir maille re loingeas Hiraim: aon uair anns na tri bliadhnaibh thàinig loingeas Tharsis, a’ giùlan òir agus airgid, fhiacal elephant, agus apa, agus pheucag (5). 23 Mar so thug righ Solamh barrachd air uile righibh an domhain ann an saibhreas, agus ann an gliocas. 24 Agus dh’iarr an talamh uile teachd an làthair (6) Sholaimh, a dh’éisdeachd r’a ghliocas, a chuir Dia ’na chridhe. 25 Agus thug iad leo gach fear a thiodhlacadh; soithichean airgid agus soithichean òir, agus truscana, agus airm, agus spìosraidh, eich agus muileidean; cuibhrionn (7) bliadhna anns gach bliadhna. 26 Agus chruinnich Solamh carbaid agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà mhìle dheug marcach; a chuir e ann am bailtibh nan carbad (8), agus maille ris an righ ann an Ierusalem. 27 Agus thug an righ air airgiod a bhi ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na crannaibh seudair thug e bhi mar na croinn shicomoir a tha anns an t-srath, air lìonmhoireachd. 28 Agus thugadh eich do Sholamh a mach as an Eiphit, agus snàth-lìn: ghabh ceannaichean an righ an snàth-lìn air luach. 29 Agus thàinig carbad a nìos agus chaidh e mach as an (1) a réir làimhe righ Solaimh. Eabh. (2) cudthrom. (3) cheannaigheachd, ghnothuichibh. (4) fior-ghlan. (5) pheabh-eun. (6) dh’iarr an talamh uile gnùis. Eabh. (7) ni. Eabh. (8) air son charbad. [TD 232] I. RIGH. CAIB. XI. Eiphit air shè ceud secel airgid, agus each air cheud gu leth: agus mar sin do uile righibh nan Hiteach, agus do righibh Shiria, thug iadsan a mach iad le’n làimh. CAIB. XI. AGUS bha gaol aig righ Solamh air mòran do mhnaibh coimheach (1), a thuilleadh air nighinn Pharaoih, Ban-mhoabaich, Ban-amonaich, Ban-edomaich, Ban-shidonaich, agus Ban-hitich; 2 Do na cinneachaibh mu’n d’thubhairt an Tighearna re cloinn Israeil, Cha d’théid sibhse a steach d’an ionnsuidh-san, cha mhò a thig iadsan a steach d’ar n-ionnsuidh-sa; oir gu deimhin bheir iad air bhur cridhe claonadh an déidh an dée: riu so dhlùth-lean Solamh ann an gaol. 3 Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhan-righinnean, agus tri cheud coimh-leabach: agus thug a mhnài air a chridhe claonadh. 4 Oir thachair, ann an àm sean aois Sholaimh, gu’n do chlaon a mhnài a chridhe an déigh dhiathan eile; agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearn a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh athar. 5 Oir chaidh Solamh an déigh Astaroit ban-dé nan Sidonach, agus an déigh Mhilcoim gràineileachd nan Amonach. 6 Agus rinn Solamh olc ann an sùilibh an Tighearna: agus cha do lean e gu coimhlionta an Tighearna, mar a rinn Daibhidh athair. 7 An sin thog Solamh ionad ard do Chemos, gràineileachd Mhoaib, anns an t-sliabh a tha mu choinneamh Ierusaleim; agus do Mholech, gràineileachd chloinn Amoin. 8 Agus air an dòigh cheudna rinn e d’a mhnaibh coimheach uile, a loisg tùis agus a thug suas ìobairt d’an déibh. 9 Agus bha fearg air an Tighearna re Solamh, a chionn gu’n do chlaon a chridhe o’n Tighearna Dia Israeil, a dh’fhoillsich e féin dha dà uair, 10 Agus a dh’àithn dha a thaobh an ni so, nach rachadh e’n déigh dhiathan eile: ach cha do ghléidh esan an ni a dh’àithn an Tighearna. 11 Uime sin thubhairt an Tighearna re Solamh, A chionn gu’n d’rinneadh so leat (2), agus nach do ghléidh thu mo choi’-cheangal-sa, agus mo reachdan a dh’àithn mi dhuit, gu deimhin reubaidh mise an rìoghachd uait, agus bheir mi do d’ sheirbhiseach i. 12 Gidheadh ann ad laithibh-sa cha dean mi so, air sgàth Dhaibhidh t’athar: as làimh do mhic reubaidh mi i. 13 Ach cha reub mi an rìoghachd uile: bheir mi aon treubh (3) do d’ mhac air sgàth Dhaibhidh m’òglaich, agus air sgàth Ierusaleim a thagh mi. 14 Agus dhùisg an Tighearna nàmhaid suas do Sholamh, Hadad an t-Edomach: bha e do’n t-sliochd rìoghail ann an Edom. 15 Oir an uair a bha Daibhidh ann an Edom, agus a chaidh Ioab ceannard an t-slòigh suas a dh’adhlacadh nam marbh, an (1) a bha ’nan coigrich. (2) gu’n robh so maille riut. Eabh. (3) fhineadh. [TD 233] I. RIGH. CAIB. XI. déigh dha gach firionnach ann an Edom a bhualadh, 16 (Oir dh’fhan Ioab sè mìosan an sin, agus Israel uile, gus an do ghearr e as gach firionnach ann an Edom) 17 Theich Adad, e féin agus Edomaich àraidh do sheirbhisich athar maille ris, gu dol a stigh do’n Eiphit; agus Hadad fathast ’na leanaban òg. 18 Agus dh’éirich iad a Midian, agus thàinig iad gu Paran, agus thug iad daoine leo a Paran, agus thàinig iad do’n Eiphit gu Pharaoh righ na h-Eiphit, agus thug esan dha tigh, agus dh’òrduich e lòn dha, agus thug e fearann dha. 19 Agus fhuair Hadad deagh-ghean (1) mòr ann an sùilibh Pharaoih, air chor as gu’n d’thug e dha ’na mnaoi piuthar a mhnà féin, piuthar Thahpeneis na ban-righinn. 20 Agus rug piuthar Thahpeneis dha Genubat a mhac, a chuir Tahpenes bhàrr na cìche ann an tigh Pharaoih: agus bha Genubat ann an teaghlach Pharaoih am measg mhac Pharaoih. 21 Agus an uair a chuala Hadad san Eiphit gu’n do choidil Daibhidh maille r’a aithrichibh, agus gu’n robh Ioab ceannard an t-slòigh marbh, thubhairt Hadad re Pharaoh, Leig dhomh imeachd, a chum gu’n d’théid mi do m’ thìr féin. 22 Agus thubhairt Pharaoh ris, Ach ciod a tha dh’easbhuidh ort maille riumsa, gu’n iarradh tu, feuch, dol do d’ thìr féin? Agus fhreagair esan, Cha ’n’eil ni air bith, gidheadh leig dhomh falbh air gach aon chor. 23 Agus dhùisg Dia suas nàmhaid eile dha, Reson mac Eliadah, a theich o Hadareser (3), righ Shobah, a thighearna. 24 Agus chruinnich e daoine thuige (4), agus bha e ’na cheannard air buidhinn, an uair a mharbh Daibhidh iadsan o Shobah: agus chaidh iad do Dhamascus, agus chòmhnuich iad ann, agus rinn iad e ’na righ (5) ann an Damascus. 25 Agus bha e ’na nàmhaid do Israel rè uile làithean Sholaimh, a thuilleadh air an olc a rinn Hadad; agus dh’fhuathaich e Israel, agus rìoghaich e os cionn Edoim (6). 26 Agus Ieroboam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach) thog eadhon esan a làmh an aghaidh an righ. 27 Agus b’e so an t-aobhar mu’n do thog e a làmh an aghaidh an righ: Thog Solamh Milo, agus chàirich e bearnan (7) bhaile Dhaibhidh athar. 28 Agus bha’n duine Ieroboam treun ann an neart: agus an uair a chunnaic Solamh gu’n robh an t-òganach deanadach, chuir se e os cionn uile luchd-giùlain uallach (8) tighe Ioseiph. 29 Agus thachair anns an àm sin, air dol do Ieroboam a mach a h-Ierusalem, gu’n d’fhuair am fàidh Ahiah an Silonach e san t-slighe, agus e sgeadaichte le truscan (9) ùr: agus bha iad ’nan dithis leo féin anns a’ mhachair. (1) bàigh. (2) luidh. (3) Hadadeser. (4) chuige. (5) rìoghaich iad. (6) Shiria. (7) dhùin e suas briseadh. (8) uile chùraim. (9) eudach-uachdair, falluing. [TD 234] I. RIGH. CAIB. XI. 30 Agus rug Ahiah air an truscan ùr a bha air, agus reub e ’na dhà mhìr dheug e. 31 Agus thubhairt e re Ieroboam, Gabh dhuit féin deich mìrean; oir mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Feuch, reubaidh mise an rìoghachd as làimh Sholaimh, agus bheir mi deich treubhan dhuitse: 32 (Ach bithidh aon treubh aige-san air sgàth Dhaibhidh m’òglaich, agus air sgàth Ierusaleim, am baile a thagh mi as uile threubhan Israeil) 33 A chionn gu’n do thréig iad mise, agus gu’n do shleuchd iad (1) do Astarot bain-dia nan Sidonach, do Chemos dia nam Moabach, agus do Mhilcom dia chloinn Amoin, agus nach do ghluais iad ann am shlighibh-sa, a dheanamh an ni a ta ceart a’m’ shùilibh, agus a ghleidheadh mo reachdan agus mo bhreitheanasa, mar a rinn Daibhidh athair. 34 Gidheadh, cha d’thoir mi’n rìoghachd uile as a làimh, ach ni mi e ’na uachdaran (2) rè uile làithean a bheatha, air sgàth Dhaibhidh m’òglaich, a thagh mi, a chionn gu’n do ghléidh e m’àitheantan agus mo reachda. 35 Ach bheir mi’n rìoghachd as làimh a mhic, agus bheir mi dhuitse i, eadhon deich treubhan. 36 Agus d’a mhac-san bheir mi aon treubh, a chum gu’m bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnuidh a’m’ fhianuis ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh féin a chur m’ainme an sin. 37 Agus gabhaidh mi thusa, agus rìoghaichidh tu a réir nan uile nithe a mhiannaicheas t’anam, agus bithidh tu a’d’ righ air Israel. 38 Agus ma dh’eisdeas tu ris na h-uile nithibh a dh’àithneas mise dhuit, agus gu’n gluais thu ann am shlighibh, agus gu’n dean thu an ni a ta ceart a’m’ shùilibh, a ghleidheadh mo reachdan agus m’àitheanta, mar a rinn Daibhidh m’òglach; an sin bithidh mise maille riut, agus togaidh mi dhuit tigh daingean, mar a thog mi do Dhaibhidh, agus bheir mi Israel dhuit. 39 Agus cràdhaidh mi (3) sliochd Dhaibhidh air a shon so, ach cha’n ann gu bràth. 40 Uime sin dh’iarr Solamh Ieroboam a mharbhadh. Ach dh’éirich Ieroboam, agus theich e do’n Eiphit, a dh’ionnsuidh Shisaic righ na h-Eiphit, agus bha e san Eiphit gu bàs Sholaimh. 41 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh (4) Sholaimh, eadhon (5) na h-uile nithe a rinn e, agus a ghliocas, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar ghnìomhara Sholaimh? 42 Agus b’i an ùine (6) a rìoghaich Solamh ann an Ierusalem os cionn Israeil uile, dà fhichead bliadhna. 43 Agus choidil (7) Solamh maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh athar: agus rìoghaich Rehoboam a mhac ’na àite. (1) chrom siad iad féin. Eabh. (2) ’na cheannard, ’na phrionnsadh. (3) cuiridh mi fa àmhghar. (4) bhriathraibh. (5) agus. (6) b’iad na laithean. Eabh. (7) luidh. [TD 235] I. RIGH. CAIB. XII. CAIB. XII. AGUS chaidh Rehoboam do Shechem: oir thàinig Israel uile gu Sechem gu dheanamh ’na righ. 2 Agus an uair a chuala Ieroboam, mac Nebait, a bha fathast anns an Eiphit sin (far an do theich e o ghnùis righ Solaimh) phill Ieroboam as an Eiphit (1). 3 Agus chuir iad fios agus ghairm iad air: agus thàinig Ieroboam, agus co’-chruinneachadh Israeil uile, agus labhair iad re Rehoboam, ag ràdh, 4 Dh’antromaich t’athair ar cuing-ne, ach eutromaich thus’ a nis seirbhis (2) chruaidh t’athar, agus a chuing throm a chuir e oirn, agus ni sinn seirbhis dhuit. 5 Agus thubhairt e riu, Falbhaibh fathast gu ceann thri laithean, an sin thigibh a rìs a m’ ionnsuidh. Agus dh’fhalbh an sluagh. 6 Agus chuir righ Rehoboam a chomhairle ris na seann daoinibh a sheas an làthair Sholaimh athar, an uair bu bheo e, ag ràdh, Cionnus a tha sibh a’ comhairleachadh dhomh freagradh a thabhairt do’n t-sluagh so? 7 Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa an diugh a’d’ sheirbhiseach aig an t-sluagh so, agus gu’n dean thu seirbhis dhoibh, agus gu’m freagair thu iad, agus gu’n labhair thu focail mhaithe riu, an sin bithidh iadsan agadsa ’nan seirbhisich gu bràth (3). 8 Ach thréig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e chomhairle ris na daoinibh òga a dh’fhàs suas maille ris féin, agus a sheas ’na làthair. 9 Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a chum as gu’n d’thoir sinn freagradh do’n t-sluagh so, a labhair rium, ag ràdh, Eutromaich a’ chuing a chuir t’athair oirn? 10 Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris féin ris, ag ràdh, Mar so their thu ris an t-sluagh so a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich t’athair ar cuing-ne, ach eutromaich thusa dhuinn i; mar so labhraidh tu riu, Tha am meur a’s lugha agamsa ni’s gairbhe na leasraidh m’athar. 11 Agus a nis chuir m’athair gun amharus oirbh cuing throm, ach cuiridh mise re bhur cuing: smachdaich m’athair sibh le slataibh (4), ach smachdaichidh mise sibh le scorpionaibh (5). 12 Uime sin thàinig Ieroboam agus an sluagh uile gu Rehoboam air an treas là, mar a dh’àithn an righ, ag ràdh, Thigibh a m’ ionnsuidh a rìs air an treas là. 13 Agus fhreagair an righ an sluagh gu garbh; agus thréig e comhairle nan seann daoine a thug iad dha. 14 Agus labhair e riu a réir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair bhur cuing, agus cuiridh mise re bhur cuing; smachdaich m’athair sibh le slataibh, ach (1) agus chòmhnuich Ieroboam anns an Eiphit. Faic II. Eachdr. Caib. X. r. 2. (2) tràillidheachd. (3) gach uile là. Eabh. (4) sciùrsaibh. (5) le slataibh calgach cosmhuil re scorpionaibh. [TD 236] I. RIGH. CAIB. XII. smachdaichidh mise sibh le scorpionaibh. 15 Mar so cha d’éisd an righ ris an t-sluagh; oir bha’n t-aobhar o’n Tighearna, chum gu’n coimh-lionadh e fhocal féin, a labhair an Tighearna le làimh Ahiah an t-Silonaich re Ieroboam mac Nebait. 16 Agus an uair a chunnaic Israel uile nach d’éisd an righ riu, fhreagair an sluagh an righ, ag ràdh, Ciod a’ chuibhrionn a th’againne ann an Daibhidh? agus cha ’n’eil oighreachd againne ann am mac Iese: do d’ bhùthaibh, O Israel; a nis amhairc air do thigh féin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel d’am bùthaibh. 17 Ach a thaobh chloinn Israeil a bha chòmhnuidh ann am bailtibh Iudah, rìoghaich Rehoboam os an cionn. 18 An sin chuir righ Rehoboam Adoram d’an ionnsuidh a bha os cionn na cìse; agus chlach Israel uile e le clachaibh, agus fhuair e bàs: uime sin rinn righ Rehoboam cabhag gu dol suas (1) d’a charbad, chum as gu’n teicheadh e do h-Ierusalem. 19 Agus rinn Israel ceannairc an aghaidh tighe Dhaibhidh (2) gus an la’n diugh. 20 Agus an uair a chual Israel uile gu’n d’thàinig Ieroboam a rìs, chuir iad fios, agus ghairm iad air do’n cho’-chruinneachadh, agus rinn iad e ’na righ air Israel uile: cha do lean aon tigh Dhaibhidh ach treubh Iudah a mhàin. 21 Agus an uair a thàinig Rehoboam gu h-Ierusalem, chruinnich e tigh Iudah uile, agus treubh Bheniamin, ceud agus ceithir fichead mìle fear taghta a bha deanta re cogadh, a chogadh re tigh Israeil, a thoirt na rìoghachd air a h-ais gu Rehoboam mac Sholaimh. 22 Ach thàinig focal Dé gu Semaiah duine le Dia, ag ràdh, 23 Labhair re Rehoboam mac Sholaimh, righ Iudah, agus re tigh Iudah agus Bheniamin uile, agus re fuigheall an t-sluaigh, ag ràdh, 24 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Na rachaibh suas, agus na cogaibh re’r bràithribh cloinn Israeil: pillibh gach duine d’a thigh féin, oir is ann leamsa a rinneadh an ni so. Agus dh’éisd iad re focal an Tighearna, agus phill iad gu imeachd a réir focail an Tighearna. 25 Agus thog Ieroboam Sechem ann an sliabh Ephraim, agus chòmhnuich e ann: agus chaidh e mach as sin, agus thog e Penuel. 26 Agus thubhairt Ieroboam ’na chridhe, A nis pillidh an rìoghachd gu tigh Dhaibhidh. 27 Ma théid an sluagh so suas a dheanamh ìobairtean ann an tigh an Tighearn ann an Ierusalem, an sin pillidh cridhe an t-sluaigh so r’an tighearna, re Rehoboam righ Iudah: agus marbhaidh iad mise, agus pillidh iad gu Rehoboam righ Iudah. 28 Uime sin ghabh an righ comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu h-Ierusalem: feuch do dhée, O Israel, a thug a nìos thu a tìr na h-Eiphit. (1) chaidh righ Rehoboam le uile neart suas. (2) thréig, dhealaich Israel re tigh Dhaibhidh. [TD 237] I. RIGH. CAIB. XIII. 29 Agus shuidhich e aon diubh ann am Betel, agus an laogh eile chuir e ann an Dan. 30 Agus rinneadh an ni so ’na pheacadh: oir chaidh an sluagh a shleuchdadh an làthair aoin diubh, gu ruig Dan. 31 Agus rinn e tigh àitean arda, agus rinn e sagairt do’n chuid a b’ìsle do’n t-sluagh (1), nach robh do chloinn Lebhi. 32 Agus rinn Ieroboam féisd (2) anns an ochdamh mìos, air a’ chùigeadh la deug do’n mhìos, cosmhuil ris an fhéisd a bha ann an Iudah, agus dh’ìobair e (3) air an altair: mar sin rinn e ann am Betel, ag ìobradh do na laoghaibh a rinn e: agus shuidhich e ann am Betel sagarta nan àitean ard a rinn e. 33 Agus dh’ìobair e air an altair a rinn e ann am Betel, air a’ chùigeadh la deug do’n ochdamh mìos, anns a’ mhìos air an do smuainich e ’na chridhe féin: agus rinn e féisd do chloinn Israeil, agus dh’ìobair e air an altair, agus loisg e tùis (4). CAIB. XIII. AGUS feuch, thàinig duine le Dia a Iudah le focal an Tighearna gu Betel: agus bha Ieroboam ’na sheasamh làimh ris an altair, a losgadh tùise. 2 Agus dh’éigh e an aghaidh na h-altarach ann am focal an Tighearna, agus thubhairt e, O altair, altair, mar so thubhairt an Tighearna, Feuch, beirear mac do thigh Dhaibhidh, d’an ainm Iosiah, agus ìobraidh e ortsa sagarta nan àitean ard a loisgeas tùis ort, agus loisgear cnàmha dhaoine ort. 3 Agus thug e air an là sin féin comhara seachad, ag ràdh, Is e so an comhara a labhair an Tighearna: Feuch, reubar an altair, agus dòirtear a mach an luath a tha oirre. 4 Agus an uair a chuala righ Ieroboam focal an duine le Dia, a dh’éigh e an aghaidh na h-altarach ann am Betel, shìn e a làmh a mach o’n altair, ag ràdh, Beiribh air: agus shearg (5) a làmh, a shìn e mach ’na aghaidh, air chor as nach b’urrainn e a tabhairt air a h-ais thuige (6). 5 Agus reubadh an altair, agus dhòirteadh an luath a mach o’n altair, a réir a’ chomharaidh a thug an duine le Dia le focal an Tighearna. 6 Agus fhreagair an righ, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a nis gnùis an Tighearna do Dhé, agus dean urnuigh air mo shon, a chum gu’n aisigear mo làmh dhomh a rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an righ dha a rìs, agus bha i mar air tùs. 7 Agus thubhairt an righ ris an duine le Dia, Thig maille riumsa do m’ thigh, agus neartaich thu féin; agus bheir mi tiodhlacadh dhuit. 8 Agus thubhairt an duine le Dia ris an righ, Ge do bheireadh tu dhomhsa leth do thighe, cha rachainn a stigh maille riut, cha mhò a dh’ithinn aran, no dh’òlainn uisge anns an àite so: 9 Oir mar so dh’àithneadh (1) do dheireadh an t-sluaigh. (2) féill. (3) chaidh e suas. (4) chaidh e suas air an altair, a losgadh tùise. (5) thiormaich. (6) chuige. [TD 238] I. RIGH. CAIB. XIII. dhomhsa le focal an Tighearna, ag ràdh, Na h-ith aran, agus na h-òl uisge, agus na pill air an t-slighe air an d’thàinig thu. 10 Agus dh’fhalbh e air slighe eile, agus cha do phill e air an t-slighe air an d’thàinig e do Bhetel. 11 A nis bha sean fhàidh ’na chòmhnuidh ann am Betel, agus thàinig a mhic, agus dh’innis iad da na h-oibre uile a rinn an duine le Dia air an là sin ann am Betel: na briathran a labhair e ris an righ, iad so dh’innis iad mar an ceudna d’an athair. 12 Agus thubhairt an athair riu, Cia i an t-slighe air an d’fhalbh e? agus dh’fheuch (1) a mhic dha an t-slighe air an d’fhalbh an duine le Dia, a thàinig a Iudah. 13 Agus thubhairt e r’a mhic, Cuiribh dìollaid dhomh air an asail. Agus chuir iad dìollaid dha air an asail, agus mharcaich e oirre. 14 Agus chaidh e’n déigh an duine le Dia, agus fhuair e ’na shuidhe e fuidh dharaig, agus thubhairt e ris, An tusa an duine le Dia, a thàinig a Iudah? Agus thubhairt esan, Is mi. 15 An sin thubhairt e ris, Thig maille riumsa do m’ thigh, agus ith aran. 16 Agus thubhairt esan, Cha’n fheud mi pilltinn maille riut, no dol a steach maille riut: cha mhò a dh’itheas mi aran no dh’òlas mi uisge maille riut anns an àite so: 17 Oir chaidh a ràdh rium le focal an Tighearna, Cha’n ith thu aran, agus cha’n òl thu uisge an sin; cha mhò philleas tu gu imeachd air an t-slighe air an d’thàinig thu. 18 Agus thubhairt e ris, Is fàidh mise mar an ceudna mar thu féin, agus labhair aingeal rium le focal an Tighearna, ag ràdh, Thoir air ais leat e do d’ thigh, a chum as gu’n ith e aran, agus gu’n òl e uisge. Ach rinn e breug dha. 19 Agus phill e maille ris, agus dh’ith e aran ’na thigh, agus dh’òl e uisge. 20 Agus an uair a bha iad ’nan suidhe aig a’ bhord, thàinig focal an Tighearn a dh’ionnsuidh an fhàidh a thug air ais e. 21 Agus ghlaodh e ris an duine le Dia a thàinig a Iudah, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, A chionn gu’n robh thu eas-ùmhal do fhocal (2) an Tighearna, agus nach do ghléidh thu an àithne a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhuit, 22 Ach gu’n do phill thu, agus gu’n d’ith thu aran, agus gu’n d’òl thu uisge anns an àite mu’n d’thubhairt e riut, Na h-ith aran, agus na h-òl uisge; cha d’théid do chorp (3) a steach do uaigh t’aithriche. 23 Agus an déigh dha aran itheadh, agus an déigh dha òl, chuir e dìollaid dha air an asail, eadhon, do’n fhàidh a thug e air ais. 24 Agus an uair a dh’fhalbh e, thachair leòmhan air san t-slighe, agus mharbh se e: agus thilgeadh a chorp air an t-slighe, agus sheas an asal làimh ris: sheas an leòmhan mar an ceudna làimh ris a’ chorp. 25 Agus feuch, bha daoine a’ gabhail seachad, agus chunnaic (1) oir chunnaic. (2) bheul. (3) chlosach, mharbhan. [TD 239] I. RIGH. CAIB. XIV. iad an corp tilgte air an t-slighe, agus an leòmhan ’na sheasamh làimh ris a’ chorp: agus thàinig iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile, anns an robh an sean fhàidh ’na chòmhnuidh. 26 Agus an uair a chual am fàidh a thug air ais e o’n t-slighe sin, thubhairt e, Is esan an duine le Dia, a bha eas-ùmhal do fhocal an Tighearna: uime sin thug an Tighearna thairis e do’n leòmhan, a reub e, agus a mharbh e a réir focail an Tighearna, a labhair e ris. 27 Agus labhair e r’a mhic, ag ràdh, Cuiribh dìollaid dhomh air an asail. Agus chuir iad dìollaid oirre. 28 Agus dh’fhalbh e, agus fhuair e a chorp tilgte air an t-slighe, agus an asal agus an leòmhan ’nan seasamh làimh ris a’ chorp: cha d’ith an leòmhan an corp, cha mhò a reub e an asal. 29 Agus thog am fàidh corp an duine le Dia, agus chuir e air an asail e, agus thug e air ais e: agus thàinig an sean fhàidh do’n bhaile (1), gu caoidh a dheanamh, agus gu adhlacadh (2). 30 Agus chuir e a chorp ’na uaigh féin, agus rinn iad caoidh os a cheann, ag ràdh, Mo thruaighe mo bhràthair! 31 Agus an déigh dha esan adhlacadh, labhair e r’a mhic, ag ràdh, ’Nuair a gheibh mise bàs, an sin adhlaicibh mi anns an uaigh anns am bheil an duine le Dia adhlaicte; làimh r’a chnàmhaibh-san cuiribh mo chnàmha-sa: 32 Oir gu deimhin thig e gu crìch an ni a dh’éigh e le focal an Tighearn an aghaidh na h-altarach ann am Betel, agus an aghaidh uile thighean nan àit arda, a tha ann am bailtibh Shamaria. 33 An déigh an ni so, cha do phill Ieroboam o dhroch shlighe, ach rinn e a rìs (3) do’n chuid a b’ìsle do’n t-sluagh sagartan do na h-àitibh arda: ge b’e leis am b’àill, choisrig se e, agus bha e ’na aon do shagartaibh nan àitean arda. 34 Agus bha an ni so ’na pheacadh do thigh Ieroboaim, agus a chum a ghearradh as, agus a chum a sgrios bhàrr aghaidh na talmhainn. CAIB. XIV. ANNS an àm sin bha Abiah, mac Ieroboaim, gu tinn. 2 Agus thubhairt Ieroboam r’a mhnaoi, Eirich a nis, agus cuir thu féin ann an coslas eile (4), a chor as nach aithnich iad gur tu bean Ieroboaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhomhsa gu’m bithinn a’m’ righ air an t-sluagh so. 3 Agus thoir (5) leat a’d’ làimh deich builinnean, agus breacagan, agus soitheach meala, agus falbh d’a ionnsuidh: innsidh esan duit ciod a dh’éireas do’n leanabh. 4 Agus rinn bean Ieroboaim mar sin, agus dh’éirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu tigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah ni fhaicinn, oir dhorchaicheadh (6) a shùilean le aois. 5 Agus thubhairt an Tigh- (1) thàinig e do bhaile an t-sean-fhàidh. (2) adhlac. (3) phill e agus rinn e. Eabh. (4) atharraich thu féin. Eabh. (5) beir. (6) sheas. Eabh. [TD 240] I. RIGH. CAIB. XIV. earna re Ahiah, Feuch, tha bean Ieroboaim a’ teachd a dh’iarraidh ni ort a thaobh a mic, oir tha e gu tinn: mar so agus mar so labhraidh tu ria (1); oir tarlaidh (2) ’nuair a thig i a steach, gu’n gabh i oirre féin gur bean eile i. 6 Agus tharladh, an uair a chual Ahiah fuaim a cos (3), agus i a’ teachd a steach air an dorus, gu’n dubhairt e, Thig a steach, a bhean Ieroboaim: c’ar son a tha thu a’ gabhail ort gur bean eile thu? ach chuireadh mise a d’ ionnsuidh le teachdaireachd chruaidh. 7 Falbh, innis do Ieroboam, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A chionn gu’n d’ardaich mise thu a meadhon an t-sluaigh, agus gu’n do chuir mi thu a’d’ cheannard air mo shluagh Israel: 8 Agus gu’n do reub mi an rìoghachd o thigh Dhaibhidh, agus gu’n d’thug mi dhuitse i; agus gidheadh nach robh thu mar m’òglach Daibhidh, a ghléidh m’àitheanta, agus a lean mi le uile chridhe, a dheanamh an ni sin a mhàin a bha ceart ann mo shùilibh-sa; 9 Ach gu’n d’rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gu’n deachaidh tu agus gu’n d’rinn thu dhuit féin diathan eile (4), agus dealbhan leaghta, gu fearg a chur ormsa; agus gu’n do thilg thu mi air do chùlaobh: 10 Uime sin feuch, bheir mise olc air tigh Ieroboaim, agus gearraidh mi as o Ieroboam esan a ni uisge re balladh, esan a dhruideadh a steach agus a dh’fhàgadh ann an Israel; agus bheir mi air falbh fuigheall tighe Ieroboaim, mar a bheir neach air falbh aolach gus an teirig e. 11 Esan a gheibh bàs do Ieroboam anns a’ bhaile, ithidh na madraidh e; agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair, ithidh eunlaith an athair e: oir labhair an Tighearn e. 12 Uime sin éirich thusa, imich do d’ thigh féin: an uair a théid do chosan (5) a steach do’n bhaile, gheibh an leanabh bàs. 13 Agus ni Israel uile caoidh air a shon, agus adhlaicidh iad e: oir théid esan a mhàin o Ieroboam a dh’ionnsuidh na h-uaighe; a chionn gu’n d’fhuaradh ann ni maith a thaobh an Tighearna Dé Israeil, ann an tigh Ieroboaim. 14 Os bàrr, togaidh an Tighearna suas dha féin righ air Israel, a ghearras as tigh Ieroboaim air an là sin: ach ciod? a nis féin. 15 Agus buailidh an Tighearn Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhaith so, a thug e d’an aithrichibh, agus sgapaidh se iad air an taobh thall do’n abhuinn; a chionn gu’n d’rinn iad an doireachan, a’ cur feirg air an Tighearna. 16 Agus bheir e thairis Israel, air son pheacanna Ieroboaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh. 17 Agus dh’éirich bean Ieroboaim, agus dh’imich i, agus (1) r’i, rithe. (2) bithidh e. Eabh. (3) cas. (4) coimheach. (5) do chos. [TD 241] I. RIGH. CAIB. XV. thàinig i gu Tirsah: agus an uair a chaidh i steach air stairsnich an tighe, fhuair an leanabh bàs. 18 Agus dh’adhlaic iad e, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, a réir focail an Tighearna, a labhair e le làimh òglaich féin Ahiah an fhàidh. 19 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ieroboaim, mar a chog, agus mar a rìoghaich e, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh (1) righre Israeil. 20 Agus b’iad na laithean a rìoghaich Ieroboam dà bhliadhna thar fhichead: agus choidil e maille r’a aithrichibh, agus rìoghaich Nadab a mhac ’na àit. 21 Agus rìoghaich Rehoboam mac Sholaimh ann an Iudah. Bha Rehoboam bliadhna agus dà fhichead a dh’aois an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e seachd bliadhna deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearn a uile threubhaibh Israeil, a chur ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Naamah, Ban-amonach. 22 Agus rinn Iudah olc ann an sùilibh an Tighearna, agus bhrosnaich iad e gu h-eud le’m peacannaibh, a rinn iad os cionn nan uile a rinn an aithriche: 23 Oir thog iadsan mar an ceudna àitean arda dhoibh féin, agus dealbhan, agus doireachan, air gach cnoc ard, agus fuidh gach craoibh uaine. 24 Agus bha mar an ceudna Sodomaich anns an tìr: rinn iadsan a réir uile ghràineileachda nan cinneach, a thilg an Tighearn a mach roimh chloinn Israeil. 25 Agus anns a’ chùigeadh bliadhna do righ (2) Rehoboam, thàinig Sisac righ na h-Eiphit a nìos an aghaidh Ierusaleim: 26 Agus thug e leis ionmhais tighe as Tighearna, agus ionmhais tighe an righ; bhuin e leis eadhon an t-iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh. 27 Agus rinn righ Rehoboam sgiathan umha ’nan àit, agus thug e thairis iad gu làimh cheannard an fhreiceadain (3) a ghléidh dorus tighe an righ. 28 Agus an uair a chaidh ’n righ a steach do thigh an Tighearna, dh’iomchair am freiceadan iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain. 29 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh (4) Rehoboaim, agus na h-uile nithe a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Iudah? 30 Agus bha cogadh eadar Rehoboam agus Ieroboam rè an làithean uile. 31 Agus choidil Rehoboam maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh: agus b’e ainm a mhàthar Naamah, Ban-amonach. Agus rìoghaich Abiam a mhac ’na àit. CAIB. XV. A NIS anns an ochdamh bliadhna deug do righ Ieroboam mac Nebait, rìogh- (1) leabhar thràth-eachdraidh; leabhar fhocla laithean. Eabh. chronicles Sasg. (2) rìoghachadh. (3) nan gillean-ruith. (4) bhriathraibh, sgeul. [TD 242] I. RIGH. CAIB. XV. aich Abiam os cionn Iudah. 2 Tri bliadhna rìoghaich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Abisaloim. 3 Agus ghluais e ann an uile pheacaibh athar, a rinn e roimhe: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearn a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh athar. 4 Gidheadh, air sgàth Dhaibhidh thug an Tighearn a Dhia lòchran dha ann an Ierusalem, a chur a mhic suas ’na dhéigh, agus a dhaingneachadh Ierusaleim: 5 A chionn gu’n d’rinn Daibhidh an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h-uile nithibh a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a mhàin an cùis Uriah an Hitich. 6 Agus bha cogadh eadar Rehoboam agus Ieroboam ré uile làithean a bheatha. 7 A nis a’ chuid eile do ghnìomharaibh (1) Abiaim, agus na h-uile nithean a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Iudah? agus bha cogadh eadar Abiam agus Ieroboam. 8 Agus choidil Abiam maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìoghaich Asa a mhac ’na àit. 9 Agus anns an fhicheadamh bliadhna do Ieroboam righ Israeil, rìoghaich Asa os cionn Iudah. 10 Agus bliadhna agus dà fhichead rìoghaich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah nighean Abisaloim. 11 Agus rinn Asa an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, mar a rinn Daibhidh athair. 12 Agus dh’fhuadaich e na Sodomaich as an tìr, agus chuir e air falbh na dealbhan uile a rinn aithriche. 13 Agus mar an ceudna Maachah a mhàthair, chuir e eadhon ise o bhi ’na ban-righinn, a chionn gu’n d’rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus sgrios Asa a dealbh uamhasach, agus loisg se e aig sruth Chidroin. 14 Ach cha do chuireadh as do (2) na h-àitibh arda: gidheadh, bha cridhe Asa iomlan leis an Tighearna rè a làithean uile. 15 Agus thug e steach na nithean a naomhaich athair, agus na nithean a naomhaich e féin, do thigh an Tighearna, airgiod, agus òr, agus soithichean. 16 Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa righ Israeil, rè an làithean uile. 17 Agus chaidh Baasa righ Israeil suas an aghaidh Iudah, agus thog e Ramah, a chum nach leigeadh e le neach air bith dol a mach no teachd a steach gu Asa righ Iudah. 18 Agus ghabh Asa an t-airgiod agus an t-òr uile a dh’fhàgadh ann an ionmhasaibh tighe an Tighearna, agus ann an ionmhasaibh tighe an righ, agus thug e iad an làimh a sheirbhiseach: agus chuir righ Asa iad gu Ben-hadad mac Thabrimoin, mhic Hesioin righ Shiria, a bha (1) bhriathraibh. (2) cha do chuireadh air falbh, cha d’atharraicheadh. [TD 243] I. RIGH. CAIB. XV. chòmhnuidh ann an Damascus, ag ràdh, 19 Tha coi’-cheangal eadar mise agus thusa, agus eadar m’athair-sa agus t’athair-sa: feuch, chuir mi a t’ionnsuidh tiodhlacadh airgid agus òir; thig agus bris do choi’-cheangal re Baasa righ Israeil, a chum gu’m falbh e uam (1). 20 Agus dh’éisd Ben-hadad re righ Asa, agus chuir e ceannarda nan armailtean a bha aige, an aghaidh bhailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel-bet-maachah, agus Cinerot uile, maille re tìr Naphtali uile. 21 Agus an uair a chuala Baasa sin, sguir e do thogail Ramah, agus ghabh e còmhnuidh ann an Tirsah. 22 An sin thug righ Asa gairm air feadh Iudah uile (cha robh neach air bith saor) agus thug iad leo clacha Ramah, agus fhiodh, leis an do thog Baasa e; agus thog righ Asa leo Gebah Bheniamin, agus Mispah. 23 Agus a’ chuid eile do uile ghnìomharaibh (2) Asa, agus a neart uile, agus gach ni a rinn e, agus na bailtean a thog e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Iudah? Gidheadh, an àm a shean aois bha eucail ’na chosaibh. 24 Agus choidil Asa maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh athar: agus rìoghaich a mhac Iehosaphat ’na àit. 25 Agus thòisich Nadab mac Ieroboaim air rìoghachadh os cionn Israeil anns an dara bliadhna do Asa righ Iudah; agus rìoghaich e os cionn Israeil dà bhliadhna. 26 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe athar, agus ’na pheacadh leis an d’thug e air Israel peacachadh. 27 Agus rinn Baasa mac Ahiah, do thigh Isachair, ceannairc (3) ’na aghaidh; agus bhuail Baasa e làimh re Gibeton, a bhuineas do na Philistich, an uair a bha Nadab agus Israel uile a’ teannachadh (4) Ghibetoin. 28 Mar so mharbh Baasa e anns an treas bliadhna do Asa righ Iudah, agus rìoghaich e ’na àit. 29 Agus an uair a rìoghaich e, bhuail e tigh Ieroboaim uile; cha d’fhàg e neach air bith anns an robh anail aig Ieroboaim, gus an do sgrios se e, a réir focail an Tighearna, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ahiah an t-Silonaich: 30 Air son pheacanna Ieroboaim a pheacaich e, agus leis an d’thug e air Israel peacachadh; air son a bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich e’n Tighearna Dia Israeil gu feirg. 31 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Nadaib, agus na h-uile nithe a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Israeil. 32 Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa righ Israeil rè an làithean uile. 33 Anns an treas bliadhna do Asa righ Iudah, thòisich Baasa mac Ahiah air rìoghach- (1) gu’n tog e dhiom. (2) bhriathraibh. (3) coi’-chealg. (4) cuairteachadh, luidhe mu. [TD 244] I. RIGH. CAIB. XVI. adh os cionn Israeil uile ann an Tirsah; agus rìoghaich e ceithir bliadhna fichead. 34 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe Ieroboaim, agus ’na pheacadh leis an d’thug e air Israel peacachadh. CAIB. XVI. UIME sin thàinig focal an Tighearna gu Iehu mac Hanani an aghaidh Bhaasa, ag ràdh, 2 A chionn gu’n d’ardaich mise thu o’n duslach, agus gu’n d’rinn mi thu a’d’ cheannard air mo shluagh Israel, ach gu’n do ghluais thusa ann an slighe Ieroboaim, agus gu’n d’thug thu air mo shluagh Israel peacachadh, ’g am bhrosnachadh gu feirg le m’ peacaibh: 3 Feuch, gearraidh mi as sliochd Bhaasa, agus sliochd a thighe, agus ni mi do thigh-sa mar thigh Ieroboaim mhic Nebait. 4 Esan a dh’eugas do Bhaasa anns a’ bhaile, ithidh na madraidh e; agus esan a dh’eugas leis anns an fhearann, ithidh eunlaith an athair (1) e. 5 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Bhaasa, agus na nithe a rinn e, agus a neart, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Israeil? 6 Agus choidil Baasa maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann an Tirsah: agus rìoghaich Elah a mhac ’na àit. 7 Agus mar an ceudna le làimh an fhàidh Iehu mhic Hanani, thàinig focal an Tighearn an aghaidh Bhaasa, agus an aghaidh a thighe, air son an uilc uile a rinn e ann an sùilibh an Tighearna, ’g a bhrosnachadh gu feirg le obair a làmh, gu bhi mar thigh Ieroboaim, agus a chionn gu’n do mharbh se e. 8 Anns an t-seathadh bliadhna fichead do Asa righ Iudah, thòisich Elah mac Bhaasa air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Tirsah; agus rìoghaich e dà bhliadhna. 9 Agus rinn a sheirbhiseach Simri, ceannard leth a charbad, ceannairc ’na aghaidh ’nuair a bha e ann an Tirsah, ag òl gus an robh e air mhisg ann an tigh Arsah, a bha os cionn a thighe ann an Tirsah. 10 Agus chaidh Simri steach, agus bhuail se e, agus mharbh se e, anns an t-seachdamh bliadhna fichead do Asa righ Iudah; agus rìoghaich e ’na àit. 11 Agus an uair a thòisich e air rìoghachadh, co luath as a shuidh e air a righ-chathair, bhuail e tigh Bhaasa uile: cha d’fhàg e neach air bith aige a dheanadh uisge re balladh, d’a luchd-dàimh no d’a chairdibh. 12 Mar so sgrios Simri tigh Bhaasa uile, a réir focail an Tighearna, a labhair e an aghaidh Bhaasa le làimh Iehu an fhàidh; 13 Air son uile pheacanna Bhaasa, agus pheacanna Elah a mhic, leis an do pheacaich iad, agus leis an d’thug iad air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dé Israeil gu feirg le’n dìomhanasaibh. 14 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Elah, agus na h-uile nithe a rinn e, nach ’eil iad (1) an aidheir. [TD 245] I. RIGH. CAIB. XVI. scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Israeil? 15 Anns an t-seachdamh bliadhna fichead do Asa righ Iudah, rìoghaich Simri seachd laithean ann an Tirsah: agus bha’n sluagh air campachadh (1) an aghaidh Ghibetoin, a bhuineadh do na Philistich. 16 Agus chual an sluagh a bha air campachadh, ’ga ràdh, Rinn Simri ceannairc, agus mar an ceudna bhuail e’n righ: uime sin rinn Israel uile Omri ceannard an t-slòigh ’na righ air Israel an là sin féin anns a’ champ. 17 Agus chaidh Omri, agus Israel uile maille ris, suas o Ghibeton, agus theannaich iad (2) Tirsah. 18 Agus an uair a chunnaic Simri gu’n do ghlacadh am baile, chaidh e steach do lùchairt tighe an righ, agus loisg e tigh an righ os a chionn féin le teine, agus dh’eug e, 19 Air son a pheacanna leis an do pheacaich e, a’ deanamh uilc ann an sùilibh an Tighearna, a’ gluasad ann an slighe Ieroboaim, agus ’na pheacadh a rinn e, ann an tabhairt air Israel peacachadh. 20 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Shimri, agus a’ cheannairc a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Israeil? 21 An sin roinneadh sluagh Israeil ’nan dà leth: lean leth an t-sluaigh Tibni mac Ghinait, gu dheanamh ’na righ; agus lean an leth eile Omri. 22 Ach bhuadhaich an sluagh a lean Omri air an t-sluagh a lean Tibni mac Ghinait: agus fhuair Tibni bàs, agus rìoghaich Omri. 23 Anns an aon bhliadhna deug thar fhichead do Asa righ Iudah, thòisich Omri air rìoghachadh os cionn Israeil (3); agus rìoghaich e dà bhliadhna dheug: ann an Tirsah rìoghaich e sè bliadhna. 24 Agus cheannaich e sliabh Shamaria (4) o Shemer air dhà thàlann airgid, agus thog e aitreabh air an t-sliabh, agus ghoir e ainm a’ bhaile a thog e, a réir ainme Shemeir, sealbhadair sléibh Shamaria. 25 Ach rinn Omri olc ann an sùilibh an Tighearna, agus rinn e ni’s measa na iadsan uile a bha roimhe: 26 Oir ghluais e ann an uile shlighe Ieroboaim mhic Nebait, agus ’na pheacadh leis an d’thug e air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dé Israeil gu feirg le’n dìomhanasaibh. 27 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Omri a rinn e, agus a neart a dh’fheuch e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righre Israeil? 28 Agus choidil Omri maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria: agus rìoghaich Ahab a mhac ’na àit. 29 Agus thòisich Ahab mac Omri air rìoghachadh os cionn Israeil anns an ochdamh bliadhna deug thar fhichead do Asa righ Iudah: agus rìoghaich (1) ’nan suidhe. (2) shuidh iad mu’n cuairt air. (3) os cionn Israeil uile. (4) Someron. Eabh. [TD 246] I. RIGH. CAIB. XVII. Ahab mac Omri os cionn Israeil ann an Samaria, dà bhliadhna thar fhichead. 30 Agus rinn Ahab mac Omri olc ann an sùilibh an Tighearna, os cionn nan uile a bha roimhe. 31 Agus mar gu’m bu ni faoin (1) dhasan gluasad ann am peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, ghabh e ’na mnaoi Iesebel nighean Etbaail righ nan Sidonach, agus chaidh e agus rinn e seirbhis do Bhaal, agus shleuchd e dha. 32 Agus chuir e suas altair do Bhaal ann an tigh Bhaail, a thog e ann an Samaria. 33 Agus rinn Ahab doire; agus rinn Ahab ni’s mò a bhrosnachadh an Tighearna Dé Israeil gu feirg na uile righrean Israeil a bha roimhe. 34 ’Na laithibh-san thog Hiel am Beteleach Iericho: ann an Abiram (2) a cheud-ghin shuidhich e a bhunait, agus ann an Segub a mhac a b’òige chuir e suas a gheataidh, a réir focail an Tighearna, a labhair e le làimh Iosua mhic Nuin. CAIB. XVII. AGUS thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha do luchd-àiteachaidh Ghilead (3), re Ahab, Mar is beo an Tighearna Dia Israeil, an làthair am bheil mise a’m’ sheasamh, cha bhi sna bliadhnaibh so drùchd no uisge ann, ach a réir m’fhocail-sa. 2 Agus thàinig focal an Tighearna d’a ionnsuidh, ag ràdh, 3 Imich as so, agus tionndaidh thu féin a làimh na h-airde ’n ear, agus folaich thu féin aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iordain. 4 Agus òlaidh tu do’n t-sruth, agus dh’àithn mise do na fitheachaibh do bheathachadh an sin. 5 Agus dh’imich e, agus rinn e a réir focail an Tighearna; oir chaidh e, agus ghabh e còmhnuidh aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iordain. 6 Agus thug na fithich d’a ionnsuidh aran agus feoil sa’ mhaduinn, agus aran agus feoil san fheasgar; agus dh’òl e as an t-sruth. 7 Ach an ceann tamuill (4) thiormaich an sruth, a chionn nach robh uisge anns an tìr. 8 Agus thàinig focal an Tighearna d’a ionnsuidh, ag ràdh, 9 Eirich, imich gu Sarephat, a’s le Sidon, agus gabh còmhnuidh an sin: feuch, dh’àithn mise do mhnaoi a ta ’na bantraich an sin do bheathachadh. 10 Agus dh’éirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus an uair a thàinig e gu geatadh a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran (5); agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir a m’ ionnsuidh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a chum gu’n òl mi. 11 Agus an uair a bha i a’ dol g’a thoirt leatha, ghlaodh e ria, agus thubhairt e, Thoir a m’ ionnsuidh, guidheam ort, greim arain a’d’ làimh. 12 Agus thubhairt ise, Mar is beo an Tighearna do Dhia, cha ’n’eil breacag agam, ach (1) eutrom, suarach. (2) ann am bàs Abiraim. (3) a bha o Thisbi Ghilead. (4) an ceann bliadhna; an ceann laithean. Eabh. (5) mhaidean, connaidh. [TD 247] I. RIGH. CAIB. XVIII. làn an duirn do mhin ann an soitheach (1), agus beagan olaidh ann an corn (2): agus feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a chum gu’n d’théid mi steach, agus gu’n deasaich mi e dhomh féin agus do m’ mhac, agus gu’n ith sinn e, agus gu’m faigh sinn bàs. 13 Agus thubhairt Eliah ria, Na biodh eagal ort; falbh, dean a réir t’fhocail: ach dean dhomhsa dhiubh sin breacag bheag an toiseach, agus thoir a m’ ionnsuidh i, agus dhuit féin agus do d’ mhac deasaich (3) ’na dhéigh sin. 14 Oir mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cha chaithear an soitheach mine, agus cha teirig an corn olaidh, gus an là san cuir an Tighearn uisge air aghaidh na talmhainn. 15 Agus dh’fhalbh i, agus rinn i a réir focail Eliah, agus dh’ith ise, agus esan, agus a tigh rè mòrain do laithibh. 16 Cha do chaitheadh an soitheach mine, agus cha do theirig an corn olaidh, a réir focail an Tighearna, a labhair e le làimh Eliah. 17 Agus thachair an déigh nan nithe sin, gu’n d’fhàs mac na mnà, eadhon mnà an tighe, gu tinn; agus bha a thinneas cho trom, as nach d’fhàgadh anail ann. 18 Agus thubhairt i re Eliah, Ciod e mo ghnothuch-sa riut (4), a dhuine le Dia? an d’thàinig thu a m’ ionnsuidh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic? 19 Agus thubhairt esan ria, Thoir dhomhsa do mhac. Agus ghlac e as a h-uchd e, agus thug e suas e do sheòmar uachdarach (5), anns an robh e féin a’ fantuinn, agus chuir e ’na luidhe air a leabaidh féin e. 24 Agus dh’éigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an d’thug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig am bheil mi air aoidheachd (6), le a mac a mharbhadh? 21 Agus shìn se e féin air an leanabh tri uairean, agus dh’éigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, thigeadh, guidheam ort, anam an leinibh so a steach ann a rìs. 22 Agus dh’éisd an Tighearna re guth Eliah; agus thàinig anam an leinibh a steach ann a rìs, agus dh’ath-bheothaich e. 23 Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t-seòmar uachdarach do’n tigh, agus thug e d’a mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beo. 24 Agus thubhairt a’ bhean re Eliah, A nis le so tha fios agam gur duine le Dia thu, agus gur firinn focal an Tighearn ann do bheul. CAIB. XVIII. AGUS an déigh mòrain do laithibh, thàinig focal an Tighearna gu Eliah anns an treas bliadhna, ag ràdh, Falbh, nochd (7) thu féin do Ahab, agus bheir mise uisge air aghaidh na talmhainn. (1) baraill, cuinneig. (2) crùisgein. (3) dean. (4) Ciod dhomhsa agus dhuitse. Eabh. (5) lobhta. (6) maille ris am bheil mi air chuairt. (7) taisbein, feuch. [TD 248] I. RIGH. CAIB. XVIII. 2 Agus dh’fhalbh Eliah g’a nochdadh féin do Ahab: agus bha gorta mhòr ann an Samaria. 3 Agus ghairm Ahab air Obadiah, a bha os cionn a thighe (a nis bha eagal an Tighearna gu mòr air Obadiah: 4 Oir an uair a thug Iesebel fa’near fàidhean an Tighearn a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fholaich e iad ’nan leth-cheudaibh (1) ann an uaimh, agus bheathaich e iad le h-aran agus uisge) 5 Agus thubhairt Ahab re h-Obadiah, Imich do’n tìr a dh’ionnsuidh nan tobar uisge uile, agus a dh’ionnsuidh nan sruth uile, a dh’fheuchainn am faigh sinn feur, a chum as gu’n gléidh sinn ar n-eich agus ar muileidean beo, agus nach caill sinn an spréidh uile. 6 Agus roinn iad an tìr eatorra gu dol troimpe: chaidh Ahab air aon slighe leis féin, agus chaidh Obadiah air slighe eile leis féin. 7 Agus an uair a bha Obadiah san t-slighe, feuch, thachair Eliah air: agus dh’aithnich se e, agus thuit e air aghaidh, agus thubhairt e, An tusa tha’n so, mo thighearn Eliah? 8 Agus thubhairt esan ris, Is mi: imich, innis do d’ thighearna, Feuch, tha Eliah an so. 9 Agus thubhairt esan, Ciod am peacadh a rinn mi, gu’n d’thugadh tu do sheirbhiseach an làimh Ahaib, g’am mharbhadh? 10 Mar is beo an Tighearna do Dhia, cha ’n’eil cinneach no rìoghachd, do nach do chuir mo thighearna g’ad iarraidh: agus an uair a thubhairt iad, Cha ’n’eil e’n so; ghabh e mionnan do’n rìoghachd agus do’n chinneach, nach d’fhuair e (2) thu. 11 Agus a nis tha thu ag ràdh, Imich, innis do d’ thighearna, Feuch, tha Eliah an so. 12 Agus tachraidh, an uair a dh’imicheas mise uait, gu’n tog spiorad an Tighearna leis thusa far nach ’eil fhios agam-sa, agus an uair a thig mise a dh’innseadh do Ahab, agus nach faigh e thu, gu’m marbh e mise: gidheadh tha eagal an Tighearn ormsa do sheirbhiseach o m’òige. 13 Nach d’innseadh do m’ thighearna ciod a rinn mi ’nuair a mharbh Iesebel fàidhean an Tighearna, mar a dh’fholaich mi ceud fear a dh’fhàidhibh an Tighearna, ’nan leth-cheudaibh ann an uaimh, agus a bheathaich mi iad le h-aran agus le h-uisge? 14 Agus a nis tha thu ag ràdh, Imich, innis do d’ thighearna, Feuch, tha Eliah an so; agus marbhaidh e mi. 15 Agus thubhairt Eliah, Mar is beo Tighearna nan slògh, an làthair am bheil mi a’m’ sheasamh, gu deimhin nochdaidh mi mi féin da an diugh. 16 Uime sin chaidh Obadiah an coinneamh Ahaib, agus dh’innis e dha. Agus chaidh Ahab an coinneamh Eliah. 17 Agus an uair a chunnaic Ahab Eliah, thubhairt Ahab ris, An tusa esan a tha cur Israeil fa bhuaireas (3)? 18 Agus thubhairt esan, Cha mhise a chuir Israel fa bhuaireas, ach thusa agus tigh t’athar, a thaobh gu’n do thréig sibh (1) a lìon leth-cheud agus leth-cheud. (2) iad. (3) a’tuairgneadh Israeil. [TD 249] I. RIGH. CAIB. XVIII. àitheantan an Tighearna, agus gu’n do lean sibh (1) Baalim. 19 A nis uime sin cuir fios, cruinnich a m’ ionnsuidh-sa Israel uile gu sliabh Charmeil, agus fàidhean Bhaail, ceithir cheud agus leth-cheud, agus fàidhean nan doire, ceithir cheud, a tha ’g itheadh aig bord Iesebeil. 20 Agus chuir Ahab fios a dh’ionnsuidh chloinn Israeil uile, agus chruinnich e na fàidhean an ceann a chéile gu sliabh Charmeil. 21 Agus thàinig Eliah dh’ionnsuidh an t-sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhad a bhitheas sibh san iom-chomhairl’ eadar dhà bharail? Ma’s e’n Tighearn a’s Dia ann, leanaibh e; ach ma’s e Baal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhocal. 22 An sin thubhairt Eliah ris an t-sluagh, Dh’fhàgadh mise, eadhon mise a mhàin a’m’ fhàidh leis an Tighearna; ach tha fàidhean Bhaail ceithir cheud agus leth-cheud fear an àireamh. 23 Thugadh iad dhuinne ma ta dà tharbh òg, agus taghadh iadsan dhoibh féin aon tarbh òg, agus gearradh iad ’na mhìribh e, agus cuireadh iad air connadh e, ach na cuireadh iad teine fuidhe: agus deasaichidh mise an tarbh òg eile, agus cuiridh mi air connadh e, ach cha chuir mi teine fuidhe. 24 An sin gairmibh-sa air ainm bhur dée féin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna (2): agus an Dia a fhreagras le teine, bithidh esan ’na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is maith a labhair thu. 25 Agus thubhairt Eliah re fàidhibh Bhaail, Taghaibh-sa dhuibh féin aon tarbh òg, agus deasaichibh an toiseach e, oir tha sibh lìonmhor; agus gairmibh air ainm bhur dée, ach na cuiribh teine fuidhe. 26 Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhoibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhaail o mhaduinn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhaail, éisd ruinne. Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad (3). 27 Agus an uair a bha e mu mheadhon-là, rinn Eliah fanoid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth ard; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd-smuaineachadh (4), no tha e air tòir, no tha e air thurus, no theagamh gu’m bheil e ’na chodal, agus gu’m feumar a dhùsgadh. 28 Agus dh’éigh iadsan le guth ard, agus ghearr siad iad féin a réir an gnàtha le cloidhibh (5) agus le lannaibh, gus an do thaom an fhuil a mach orra. 29 Agus an uair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadoireachd gu àm toirt suas na h-ìobairt-fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no bheireadh fa’near iad. 30 Agus thubhairt Eliah ris an t-sluagh uile, Thigibh am fagus domh-sa. Agus thàinig an sluagh uile am fagus da: agus (1) thusa. (2) Iehobhah. Eabh. (3) a rinneadh. (4) re bruidhinn. (5) sgeanaibh. [TD 250] I. RIGH. CAIB. XVIII. chàirich e altair an Tighearn a bha air a briseadh sìos. 31 Agus ghabh Eliah dà chloich dheug, a réir àireimh threubh mhac Iacoib, chum an d’thàinig focal an Tighearn, ag ràdh, Bithidh Israel mar ainm ort. 32 Agus thog e leis na clachaibh altair ann an ainm an Tighearna; agus rinn e clais co mòr as gu’n cumadh i dà thomhas sìl, mu’n cuairt air an altair. 33 Agus shuidhich e’n connadh, agus ghearr e’n tarbh òg ’na mhìribh, agus chuir e air a’ chonnadh e. 34 An sin thubhairt e, Lìonaibh ceithir soithichean le h-uisge, agus dòirtibh e air an ìobairt-loisgte agus air a’ chonnadh. Agus thubhairt e, Deanaibh an dara h-uair e, agus rinn iad an dara h-uair e: agus thubhairt e, Deanaibh an treas uair e, agus rinn iad an treas uair e. 35 Agus chaidh an t-uisge mu’n cuairt air an altair, agus lìon e mar an ceudna a’ chlais le h-uisge. 36 Agus an àm toirt suas na h-ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagus, agus thubhairt e, A Thighearna Dhia Abrahaim, Isaaic, agus Israeil, biodh fhios an diugh gur tusa a’s Dia ann an Israel, agus gur mise t’òglach, agus gur ann air t’fhocal-sa rinn mi na nithe so uile. 37 Eisd rium, A Thighearna, éisd rium; agus biodh fios aig an t-sluagh so gur tusa ’n Tighearna Dia, agus gu’n do phill thu an cridhe air ais a rìs. 38 An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e (1) an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre, agus an t-uisge bha sa chlais dh’imlich e suas. 39 Agus an uair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e’n Tighearna féin a’s Dia ann, is e’n Tighearna féin a’s Dia ann. 40 Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhaail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac siad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin. 41 Agus thubhairt Eliah re Ahab, Eirich suas, ith agus òl; oir tha fuaim pailteis uisge ann. 42 Agus chaidh Ahab suas a dh’itheadh agus a dh’òl: agus chaidh Eliah suas gu mullach Charmeil, agus thilg se e féin sìos air an talamh, agus chuir e aghaidh eadar a ghlùinibh. 43 Agus thubhairt e r’a òglach, Falbh suas a nis, amhairc a dh’ionnsuidh na fairge. Agus chaidh esan suas, agus dh’amhairc e, agus thubhairt e, Cha ’n’eil ni air bith ann. Agus thubhairt e, Falbh a rìs seachd uairean. 44 Agus air an t-seachdamh uair thubhairt e, Feuch, tha neul beag cosmhuil re bois (2) duine ag éirigh as an fhairge. Agus thubhairt e, Falbh suas, abair re Ahab, Ulluich do charbad, agus gabh sìos, a chum nach bac an t-uisge thu. 45 Agus anns a’ cheart àm sin, dhorchaicheadh na speuran le neulaibh agus le gaoith; agus bha uisge mòr ann. Agus (1) dh’ith e suas, loisg e. (2) làimh. [TD 251] I. RIGH. CAIB. XIX. mharcaich Ahab, agus chaidh e do Iesreel. 46 Agus bha làmh an Tighearn air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e roimh Ahab, gus an d’thàinig e do Iesreel (1). CAIB. XIX. AGUS dh’innis Ahab do Iesebel na h-uile nithe a rinn Eliah, agus cionnus a mharbh e na fàidhean uile leis a’ chlaidheamh. 2 Agus chuir Iesebel teachdaire dh’ionnsuidh Eliah, ag ràdh, Mar sin deanadh na dée riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mur dean (2) mise mu’n àm so am màireach t’anam-sa (3) mar anam aoin diubhsan. 3 Agus bha eagal air, agus (4) dh’éirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth anma, agus thàinig e gu Beer-seba, a bhuineas do Iudah, agus dh’fhàg e òglach an sin. 4 Ach chaidh e féin astar latha (5) do’n fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fuidh chraoibh-aiteil, agus dh’iarr e dha féin (6) bàs fhaghail (7), agus thubhairt e, Is leòr e; a nis a Thighearna, thoir leat m’anam; oir cha’n fhearr mise na m’aithriche. 5 Agus an uair a luidh e agus a choidil e fuidh chraoibh-aiteil, feuch an sin bhean aingeal ris, agus thubhairt e ris, Eirich, ith. 6 Agus dh’amhairc e, agus feuch, bha aig a cheann breacag a bhruicheadh air a ghrìosaich, agus soitheach uisge: agus dh’ith agus dh’òl e, agus luidh e sìos a rìs. 7 Agus thàinig aingeal an Tighearn air ais an dara h-uair, agus bhean e ris, agus thubhairt e, Eirich, ith; oir tha’n turus mòr air do shon. 8 Agus dh’éirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà fhichead là, agus dà fhichead oidhche, gu ruig Horeb sliabh Dhé. 9 Agus chaidh e steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus feuch, thàinig focal an Tighearna d’a ionnsuidh, agus thubhairt e ris, Ciod e do gnothuch an so, Eliah? 10 Agus thubhairt esan, Bha mi ro-eudmhor air son an Tighearna Dé nan slògh: oir thréig clann Israeil do choi’-cheangal, thilg iad sìos t’altairean, agus mharbh iad t’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anma, chum a thoirt air falbh. 11 Agus thubhairt e, Falbh a mach, agus seas air an t-sliabh an làthair an Tighearna. Agus feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creaga ’nam bloighdibh roimh an Tighearna, ach cha robh an Tighearn anns a’ ghaoith; agus an déigh na gaoithe crith-thalmhainn, ach cha robh an Tighearn anns a’ chrith-thalmhainn; 12 Agus an déigh na crith-thalmhainn teine, ach cha robh (1) gu dol a steach Iesreeil. (2) cuir. (3) do bheatha-sa. (4) Agus an uair a chunnaic e sin. (5) là. (6) d’a anam. Eabh. (7) fhaotainn. [TD 252] I. RIGH. CAIB. XX. an Tighearn anns an teine; agus an déigh an teine guth ciuin caol. 13 Agus an uair a chual Eliah e, chòmhdaich e aghaidh le fhalluing, agus chaidh e mach, agus sheas e am beul na h-uamha: agus feuch, thàinig guth d’a ionnsuidh, agus thubhairt e, Ciod e do ghnothuch an so, Eliah? 14 Agus thubhairt esan, Bha mi ro-eudmhor air son an Tighearna Dé nan slògh: oir thréig clann Israeil do choi’-cheangal, thilg iad sìos t’altairean, agus mharbh iad t’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anma chum a thoirt air falbh. 15 Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh, pill air do shlighe gu fàsach Dhamascuis; agus an uair a thig thu, ung Hasael ’na righ air Siria. 16 Agus Iehu mac Nimsi (1) ungaidh tu ’na righ air Israel: agus Elisa mac Shaphait o Abel-meholah ungaidh tu ’na fhàidh a’d’ àite féin. 17 Agus tachraidh, esan a théid as o chlaidheamh Hasaeil, gu marbh Iehu e; agus esan a théid as o chlaidheamh Iehu, gu marbh Elisa e. 18 Gidheadh dh’fhàg mi dhomh féin ann an Israel seachd mìle, na glùinean uile nach do lùb iad féin do Bhaal, agus gach uile bheul nach d’thug pòg dha. 19 Agus dh’fhalbh e as sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag ar le dà chuing dheug dhamh roimhe, agus e féin leis an dara cuing deug: agus chaidh Eliah thairis d’a ionnsuidh (2), agus thilg e fhalluing air. 20 Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e’n déigh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, pill; oir ciod a rinn mise ort? 21 Agus phill e uaith, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfuinn nan damh bhruich e am feoil, agus thug e do’n t-sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’éirich e, agus chaidh e’n déigh Eliah, agus fhritheil e dha. CAIB. XX. AGUS chruinnich Ben-hadad righ Shiria a shluagh uile an ceann a chéile; agus bha dà righ dheug thar fhichead maille ris, agus eich agus carbaid: agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria, agus chog e ’na aghaidh. 2 Agus chuir e teachdairean gu Ahab righ Israeil do’n bhaile, agus thubhairt e ris, Mar so tha Ben-hadad ag ràdh, 3 T’airgiod agus t’òr is leamsa; do mhnài mar an ceudna agus do chlann, eadhon a’ chuid a’s fearr dhiubh, is leamsa iad. 4 Agus fhreagair righ Israeil agus thubhairt e, A réir t’fhocail, mo thighearn a righ, is leat mise, agus gach ni a ta agam. 5 Agus phill na teachdairean, agus thubhairt iad, Mar so labhair Ben-hadad, ag ràdh, Ge (1) Iehu mac Iehosaphait, mhic Nimsi. II. Righ. Caib. IX. r. 2. (2) ghabh Eliah seachad air. [TD 253] I. RIGH. CAIB. XX. do chuir mi fios a t’ ionnsuidh, ag ràdh, T’airgiod, agus t’òr, agus do mhnài, agus do chlann bheir thu dhomhsa; 6 Gidheadh mu’n tràth so am màireach cuiridh mi mo sheirbhisich a t’ ionnsuidh, agus rannsaichidh iad do thigh, agus tighean do sheirbhiseach: agus tachraidh e, gach ni a ta taitneach do d’ shùilibh, gu’n cuir iad ’nan làimh, agus gu’n d’thoir iad leo e. 7 Agus ghairm righ Israeil air uile sheanairibh na tìre, agus thubhairt e, Thugaibh fa’near (1), guidheam oirbh, agus faicibh cionnus a tha’m fear so ag iarraidh uilc; oir chuir e fios a m’ ionnsuidh air mo mhnaibh, agus air mo chloinn, agus air m’airgiod, agus air m’òr, agus cha do dhiult mi e. 8 Agus thubhairt na seanairean uile agus an sluagh uile ris, Na h-éisd ris, agus na h-aontaich leis. 9 Uime sin thubhairt e re teachdairibh Bhen-hadaid, Innsibh do m’ thighearn an righ, Gach ni air an do chuir thu fios gu t’òglach an toiseach, ni mi; ach an ni so cha’n urrainn mi dheanamh. Agus dh’fhalbh na teachdairean, agus thug iad freagradh air ais d’a ionnsuidh. 10 Agus chuir Ben-hadad fios d’a ionnsuidh, agus thubhairt e, Mar sin deanadh na dée riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma’s leòr duslach Shamaria gu làn an dorn do’n t-sluagh uile a tha ’gam leantuinn-sa. 11 Agus fhreagair righ Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na deanadh an ti sin uaill, a ta crioslachadh armachd uime, mar an ti a chuir dheth i. 12 Agus an uair a chuala Ben-hadad an teachdaireachd so, agus e féin agus na righrean ag òl anns na pàilliunaibh, thubhairt e r’a sheirbhisich, Cuiribh sibh féin an ordugh (2). Agus chuir iadsan iad féin an ordugh an aghaidh a’ bhaile. 13 Agus feuch, thàinig fàidh àraidh gu Ahab righ Israeil, agus thubhairt e, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Am faca tusa an sluagh mòr so uile? feuch, bheir mise a’d’ làimh iad an diugh, agus bithidh fios agad gur mise an Tighearna. 14 Agus thubhairt Ahab, Co leis? Agus thubhairt esan, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Le òganachaibh uachdarana nan dùchanna (3). An sin thubhairt e, Cò chuireas an cath an ordugh. Agus thubhairt esan, Thusa. 15 An sin dh’àireamh e òganaich uachdarana nan dùchanna, agus bha ann diubh dà cheud agus a dhà-dheug thar fhichead: agus ’nan déigh-san dh’àireamh e an sluagh uile, eadhon uile shluagh chloinn Israeil, seachd mìle. 16 Agus chaidh iad a mach mu mheadhon-là: ach bha Ben-hadad ag òl gus an robh e air mhisg anns na pàilliunaibh, e féin agus na righre, eadhon an dà righ dheug thar fhichead a bha ’ga chòmhnadh. 17 Agus chaidh òganaich uachdarana nan dùchanna mach an toiseach, agus chuir Ben-hadad daoine a mach, agus dh’in- (1) comharaichibh. (2) Suidhichibh na h-inneala-cogaidh. (3) tìr. [TD 254] I. RIGH. CAIB. XX. nis iad da, ag ràdh, Thàinig daoine a mach a Samaria. 18 Agus thubhairt esan, Ma’s ann gu sìth a thàinig iad a mach, glacaibh beo iad; no ma’s ann gu cogadh a thàinig iad a mach, glacaibh beo iad. 19 Agus thàinig iad a mach as a’ bhaile, òganaich uachdarana nan dùchanna, agus an armailt a lean iad. 20 Agus mharbh gach fear diubh fhear: agus theich na Sirianaich, agus ruag Israel iad; agus chaidh Ben-hadad righ Shiria as air muin eich, maille ris a’ mharc-shluagh. 21 Agus chaidh righ Israeil a mach, agus bhuail e na h-eich, agus na carbaid, agus mharbh e na Sirianaich le h-àr mòr. 22 Agus thàinig am fàidh gu righ Israeil, agus thubhairt e ris, Falbh, neartaich thu féin, agus thoir fa’near, agus faic ciod a ni thu; oir aig teachd mu’n cuairt (1) na bliadhna thig righ Shiria nìos a’d’ aghaidh. 23 Agus thubhairt seirbhisich righ Shiria ris, Is dée bheann an dée-san; uime sin bhuadhaich iad oirn: ach cogamaid riu anns a’ chòmhnard, agus gun teagamh buadhaichidh sinne orrasan. 24 Agus dean an ni so, Thoir na righrean air falbh, gach fear as àit, agus cuir ceannardan ’nan àit. 25 Agus àireamh dhuit féin armailt, mar an armailt a thuit agad (2), each air an each, agus carbad air a’ charbad; agus cogaidh sinn riu anns a’ chòmhnard, agus gu cinnteach buadhaichidh sinn orra (3). Agus dh’éisd e r’an guth, agus rinn e mar sin. 26 Agus aig teachd mu’n cuairt na bliadhna dh’àireamh Ben-hadad na Sirianaich, agus chaidh e suas gu h-Aphec a chogadh re h-Israel. 27 Agus dh’àirmheadh clann Israeil, agus bha iad uile a làthair, agus chaidh iad ’nan coinneamh: agus champaich clann Israeil fa’n comhair, mar dhà threud bheaga ghabhar: ach lìon na Sirianaich an tìr. 28 Agus thàinig duine le Dia, agus labhair e re righ Israeil, agus thubhairt e, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, A chionn gu’n dubhairt na Sirianaich, Is Dia bheann an Tighearna, ach cha ’n e Dia nan gleann e: air an aobhar sin bheir mise an sluagh lìonmhor so uile ann ad làimh-sa, agus bithidh fios agaibh gur mise an Tighearna. 29 Agus champaich iad mu choinneamh a chéile seachd laithean: agus air an t-seachdamh là chuireadh an cath: agus mharbh clann Israeil do na Sirianaich ceud mìle coisiche ann an aon là. 30 Ach theich a’ chuid eile gu h-Aphec, do’n bhaile: agus an sin thuit balladh air seachd mìle fichead fear do na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e do’n bhaile, do sheòmar-cùil (4). 31 Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch a nis, chuala sinn mu righre tighe Israeil, gur righre iochdmhor iad: cuir- (1) ath-philleadh. (2) a chaill thu. (3) bithidh sinn ni’s treise na iad. (4) do sheòmar ann an seòmar. Eabh. [TD 255] I. RIGH. CAIB. XX. eamaid ma ta saic-eudach air ar leasraidh, agus cuird (1) air ar ceann, agus rachamaid a mach gu righ Israeil; theagamh gu’n saor e t’anam. 32 Agus cheangail iad saic-eudach air an leasraidh, agus chuir iad cuird air an cinn, agus thàinig iad gu righ Israeil, agus thubhairt iad, Tha do sheirbhiseach Ben-hadad ag ràdh, Leig dhomh, guidheam ort, a bhi beo. Agus thubhairt esan, Am bheil e fathast beo? is e mo bhràthair e. 33 Agus thug na daoine an aire gu furachar a dh’fheuchainn an d’thigeadh ni air bith uaith, agus ghrad-ghlac iad e; agus thubhairt iad, Do bhràthair Ben-hadad. An sin thubhairt esan, Rachaibh, thugaibh leibh e. Agus thàinig Ben-hadad a mach d’a ionnsuidh; agus thug e air dol suas do’n charbad. 34 Agus thubhairt Ben-hadad ris, Na bailtean a thug m’athair-sa o t’athair-sa, bheir mise air an ais, agus ni thusa sràide dhuit féin ann an Damascus, mar a rinn m’athair-sa ann an Samaria. An sin thubhairt Ahab, Leigidh mise air falbh thu leis a’ choi’-cheangal so. Mar so rinn e coi’-cheangal ris, agus leig e air falbh e. 35 Agus thubhairt duine àraidh do mhacaibh nam fàidh r’a choimhearsnach ann am focal an Tighearna, Buail mi, guidheam ort. Agus dhiùlt an duine a bhualadh. 36 An sin thubhairt esan ris, A chionn nach d’éisd thu re guth an Tighearna, feuch, co luath as a dh’fhalbhas tu uamsa, marbhaidh leòmhan thu. Agus co luath as a dh’fhalbh e uaith, fhuair leòmhan e, agus mharbh se e. 37 ’Na dhéigh sin fhuair e duine eile, agus thubhairt e, Buail mi, guidheam ort. Agus bhuail gu deimhin an duine (2) e, agus lot se e. 38 Agus dh’fhalbh am fàidh, agus dh’fheith e air an righ làimh ris an t-slighe, agus chuir se e féin ann an coslas (3) eile le luath (4) air aghaidh (5). 39 Agus an uair a bha’n righ a’ gabhail seachad, dh’éigh e ris an righ, agus thubhairt e, Chaidh t’òglach a steach gu meadhon a’ chatha, agus feuch, thionndaidh duine a leth-taobh, agus thug e duine a m’ ionnsuidh-sa, agus thubhairt e, Gléidh am fear so: mur bi e r’a fhaotainn (6) air chor sam bith, bithidh t’anam-sa air son anma-san, no dìolaidh (7) tu tàlann airgid. 40 Agus am feadh a bha t’òglach a’ bith-dheanamh an so agus an sud, cha robh esan r’a fhaghail (8). Agus thubhairt righ Israeil ris, Is ann mar so a bhitheas do bhreitheanas-sa, dh’orduich thu féin e. 41 Agus rinn e cabhag, agus chuir e’n luath air falbh o aghaidh; agus dh’aithnich righ Israeil e, gu’m b’ann do na fàidhibh e. 42 Agus thubhairt e ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, A chionn gu’n do leig thu as do làimh duine a dh’orduich mise (1) taoid. (2) bhuail an duine e le bualadh. Eabh. (3) duaicneachd. (4) gnùis-bhrat. (5) a shùilibh. Eabh. (6) ma dh’ionndruinear e. (7) cudthromaichidh. Eabh. (8) fhaotainn. [TD 256] I. RIGH. CAIB. XXI. gu léir-sgrios, uime sin bithidh t’anam-sa air son anma-san, agus do shluagh-sa air son a shluaigh-san. 43 Agus dh’fhalbh righ Israeil a dh’ionnsuidh a thighe dubhach (1) agus feargach (2), agus thàinig e gu Samaria. CAIB. XXI. AGUS thachair an déigh nan nithe sin, gu’n robh fion-lios aig Nabot an t-Iesreeleach, a bha ann an Iesreel, làimh re lùchairt Ahaib righ Shamaria. 2 Agus labhair Ahab re Nabot, ag ràdh, Thoir dhomhsa t’fhìon-lios, gu bhi agam ’na lios (3) luibhean, a chionn gu bheil e fagus do m’ thigh, agus bheir mise dhuitse air a shon fion-lios a’s fearr na e; no ma’s e a’s taitniche leat (4), bheir mi dhuit a luach an airgiod. 3 Agus thubhairt Nabot re Ahab, Nar leigeadh Dia dhomhsa, gu’n d’thugainn oighreachd m’aithriche dhuitse. 4 Agus thàinig Ahab d’a thigh dubhach agus feargach, air son an fhocail a labhair Nabot an t-Iesreeleach ris: oir thubhairt e, Cha d’thoir mi dhuit oighreachd m’aithriche: agus luidh e sìos air a leabaidh, agus thionndaidh e aghaidh air falbh, agus cha’n itheadh e aran. 5 Ach thàinig Iesebel a bhean d’a ionnsuidh, agus thubhairt i ris, C’ar son a tha do spiorad cho dubhach, agus nach ith thu aran? 6 Agus thubhairt esan ria, Air son gu’n do labhair mi re Nabot an t-Iesreeleach, agus gu’n dubhairt mi ris, Thoir dhomhsa t’fhìon-lios air airgiod; no, ma’s àill leat, bheir mi dhuit fion-lios eile air a shon: agus thubhairt esan, Cha d’thoir mi dhuit m’fhìon-lios. 7 Agus thubhairt Iesebel a bhean ris, Tha thus’ a nis a’ stiùradh rìoghachd Israeil! Eirich, ith aran, agus biodh do chridhe subhach: bheir mise dhuit fion-lios Naboit an Iesreelich. 8 Agus scrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le sheula; agus chuir i na litriche dh’ionnsuidh nan seanair, agus a dh’ionnsuidh nan uaislean a bha chòmhnuidh maille re Nabot ’na bhaile. 9 Agus scrìobh i anns na litrichibh, ag ràdh, Gairmibh trosgadh, agus thugaibh air Nabot suidhe an toiseach an t-sluaigh. 10 Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bhelial, mu choinneamh, a thoirt fianuis ’na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu (5) Dia agus an righ: agus an sin thugaibh a mach e, agus clachaibh e, a chum gu’m faigh e bàs. 11 Agus rinn daoine a bhaile, eadhon na seanairean, agus na h-uaislean a chòmhnuich ’na bhaile, a réir an fhios a chuir Iesebel d’an ionnsuidh, a réir an ni a bha scrìobhta anns na litrichibh a chuir i d’an ionnsuidh. 12 Ghairm iad trosgadh, agus thug iad air Nabot suidhe an toiseach an t-sluaigh. 13 Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bhelial, agus shuidh iad mu (1) tuirseach. (2) fa mhi-ghean. (3) ghàradh. (4) fearr a’d’ shùilibh. Eabh. (5) Mhallaich thu, thug thu toibheum do. [TD 257] I. RIGH. CAIB. XXI. choinneamh: agus rinn fir Bhelial fianuis ’na aghaidh, eadhon an aghaidh Naboit, an làthair an t-sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nabot Dia agus an righ. An sin thug iad a mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachaibh, agus fhuair e bàs. 14 ’Na dhéigh sin chuir iad teachdaire gu Iesebel, ag ràdh, Chlachadh Nabot, agus tha e marbh. 15 Agus an uair a chuala Iesebel gu’n do chlachadh Nabot, agus gu’n robh e marbh, thubhairt Iesebel re Ahab, Eirich, gabh sealbh ann am fion-lios Naboit an Iesreelich, a dhiùlt e thoirt duit air airgiod; oir cha ’n’eil Nabot beo, ach marbh. 16 Agus an uair a chual Ahab gu’n robh Nabot marbh, dh’éirich Ahab a dhol sìos gu fion-lios Naboit an Iesreelich, a ghabhail seilbh ann. 17 Agus thàinig focal an Tighearna dh’ionnsuidh Eliah an Tisbidhich, ag ràdh, 18 Eirich, falbh sìos a choinneachadh Ahaib righ Israeil, a tha ann an Samaria: feuch, tha e ann am fion-lios Naboit, d’an deachaidh e sìos a ghabhail seilbh ann. 19 Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, An do mharbh thu, agus mar an ceudna an do ghabh thu sealbh? Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Anns an àit anns an d’imlich na madraidh fuil Naboit, imlichidh na madraidh t’fhuil-sa, eadhon t’fhuil-sa. 20 Agus thubhairt Ahab re h-Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gu’n do reic thu thu féin a dheanamh uilc ann an sùilibh an Tighearna. 21 Feuch, bheir mise olc ort, agus cuiridh mi as do d’ shliochd, agus gearraidh mi air falbh o Ahab esan a ni uisge re balladh, agus esan a dhruidear a stigh, agus a dh’fhàgar ann an Israel. 22 Agus ni mi do thigh-sa mar thigh Ieroboaim mhic Nebait, agus mar thigh Bhaasa mhic Ahiah, air son a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich thu mi gu feirg, agus leis an d’thug thu air Israel peacachadh. 23 Agus mar an ceudna mu Iesebel labhair an Tighearna, ag ràdh, Ithidh na madraidh Iesebel aig balladh (1) Iesreeil. 24 Esan a gheibh bàs do Ahab anns a’ bhaile ithidh na madraidh, agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair (2) ithidh eunlaith an athair. 25 Ach cha robh neach ann cosmhuil re Ahab, a reic e féin a dheanamh uilc ann an sùilibh an Tighearna, do bhrìgh gu’n do tharruing a bhean Iesebel thuige (3) e. 26 Agus rinn e nithe ro-ghràineil ann an leantuinn dhée bréige (4), a réir nan uile nithe a rinn na h-Amoraich, a thilg an Tighearn a mach roimh (5) chloinn Israeil. 27 Agus an uair a chual Ahab na briathra sin, reub e eu- (1) ann an daingneach. (2) anns an fhearann. (3) chuige. (4) dhealbh, ìodhola. (5) o aghaidh. Eabh. (6) gu fòil. [TD 258] I. RIGH. CAIB. XXII. dach, agus chuir e saic-eudach air fheoil, agus throisg e, agus luidh e ann an saic-eudach, agus ghluais e gu mall (1). 28 Agus thàinig focal an Tighearna gu Eliah an Tisbidheach, ag ràdh, 29 Am faic thusa mar a tha Ahab ’ga ùmhlachadh féin a’m’ fhianuis-sa? a chionn gu bheil e ’ga ùmhlachadh féin a’m’ fhianuis, cha d’thoir mi an t-olc ’na laithibh-san: ach ann an laithibh a mhic bheir mi an t-olc air a thigh. CAIB. XXII. AGUS dh’fhan iad tri bliadhna gun chogadh eadar Siria agus Israel. 2 Agus anns an treas bliadhna thàinig Iehosaphat righ Iudah a nuas gu righ Israeil. 3 (Agus thubhairt righ Israeil r’a sheirbhisich, Nach ’eil fios agaibh gur leinne Ramot ann an Gilead? agus gidheadh tha sinn gun ghuth againn air a ghlacadh (2) a làimh righ Shiria.) 4 Agus thubhairt e re Iehosaphat, An d’théid thu maille riumsa gu cath do Ramot-gilead? Agus thubhairt Iehosaphat re righ Israeil, Tha mise mar a ta thusa, mo shluagh-sa mar do shluagh-sa, m’eich-sa mar t’eich-sa. 5 Agus thubhairt Iehosaphat re righ Israeil, Fiosraich (3), guidheam ort, an diugh do fhocal an Tighearna. 6 Uime sin chruinnich righ Israeil na fàidhean an cionn a chéile, mu thimchioll ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An d’théid mi an aghaidh Ramot-gilead gu cath, no’n leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas, oir bheir an Tighearn an làimh an righ e. 7 Agus thubhairt Iehosaphat, Nach ’eil an so fàidh tuilleadh leis an Tighearna, chum gu’m fiosraich sinn dheth? 8 Agus thubhairt righ Israeil re Iehosaphat, Tha fathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis am feud sinn fiosrachadh do’n Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhaith a chuireas e air mo mhanadh-sa (4), ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na h-abradh an righ mar sin. 9 Agus ghairm righ Israeil air maor (5), agus thubhairt e, Greas an so Micaiah mac Imlah. 10 Agus shuidh righ Israeil, agus Iehosaphat righ Iudah, gach fear air a righ-chathair féin, le’n earradh rìoghail orra, ann an àite réidh, ann an dol a steach geataidh Shamaria, agus na fàidhean uile re fàidheadaireachd ’nam fianuis. 11 Agus rinn Sedeciah mac Chenaanah adhaircean iaruinn dha féin, agus thubhairt e, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Leo so buailidh tu na Sirianaich, gus an cuir thu as doibh. 12 Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd (6) mar so, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot-gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearn an làimh an righ e. 13 Agus an teachdair’ a chaidh (1) gu fòil. (2) ’nar tosd o a ghlacadh. Eabh. (3) Feòraich. (4) cha tairgir e maith mu m’ thimchioll-sa. (5) cailltineach; eunuch. Sasg. (6) fàistineachd, manadaireachd. [TD 259] I. RIGH. CAIB. XXII. a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a nis, tha briathra nam fàidh le h-aon bheul a’ foillseachadh maith do’n righ: bitheadh t’fhocal-sa, guidheam ort, mar fhocal aoin diubhsan, agus labhair an ni a ta maith. 14 Agus thubhairt Micaiah, Mar is beo an Tighearna, an ni a their an Tighearna rium, sin labhraidh mise. 15 Agus thàinig e dh’ionnsuidh an righ, agus thubhairt an righ ris, A Mhicaiah, an d’théid sinn do Ramot-gilead gu cath, no’n leig sinn leis? Agus thubhairt esan ris, Falbh suas, agus soirbhich; oir bheir an Tighearn an làimh an righ e. 16 Agus thubhairt an righ ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna? 17 Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapta air na sléibhtibh, mar chaoraich aig nach ’eil aodhaire (1): agus thubhairt an Tighearna, Cha ’n’eil maighstir orra so: pilleadh gach fear dhiubh d’a thigh féin ann an sìth. 18 Agus thubhairt righ Israeil re Iehosaphat, Nach d’innis mi dhuit, nach cuireadh e maith sam bith air mo mhanadh-sa (2), ach olc? 19 Agus thubhairt esan, Uime sin éisd thusa (3) re focal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna ’na shuidhe air a righ-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh ’nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chli. 20 Agus thubhairt an Tighearn, Cò a chuireas impidh (4) air Ahab, a chum as gu’n d’théid e suas, agus gu’n tuit e ann an Ramot-gilead? Agus thubhairt aon mar so, agus aon eile mar sud. 21 Agus thàinig spiorad a mach, agus sheas e am fianuis an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. 22 Agus thubhairt an Tighearna ris, Cia leis? Agus thubhairt esan, Théid mi mach, agus bithidh mi a’m’ spiorad bréige ann am beul fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a mach, agus dean mar sin. 23 A nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad bréige ann am beul nam fàidh sin agad uile, agus labhair an Tighearn olc mu d’ thimchioll. 24 Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagus, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia’n taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa? 25 Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chi thu san là air an d’théid thu steach do sheòmar-cùil (5) gu t’fholachadh féin. 26 Agus thubhairt righ Israeil, Glacaibh (6) Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon uachdaran a’ bhaile, agus gu Ioas mac an righ: 27 Agus abraibh, Mar so (1) treudaiche, buachaille. (2) nach roimh-innseadh e maith sam bith mu m’ thimchioll-sa. (3) éisdibh. (4) a dh’aomas, a mheallas. (5) do sheòmar ann an seòmar. Eabh. (6) Glac. [TD 260] I. RIGH. CAIB. XXII. thubhairt an righ, Cuiribh am fear so anns a’ phrìosan (1), agus beathaichibh e le aran airce (2), agus le uisge airce, gus an d’thig mise ann an sìth. 28 Agus thubhairt Micaiah, Ma philleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile. 29 Uime sin chaidh righ Israeil, agus Iehosaphat righ Iudah, suas gu Ramot-gilead. 30 Agus thubhairt righ Israeil re Iehosaphat, Cuiridh mise mi féin ann an coslas eile, agus théid mi a steach do’n chath; ach cuir thusa t’earradh rìoghail ort. Agus chuir righ Israeil e féin ann an coslas eile, agus chaidh e steach do’n chath. 31 Ach dh’àithn righ Shiria do’n dà cheannard deug thar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach re righ Israeil ’na aonar. 32 Agus an uair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Gu cinnteach is e so righ Israeil. Agus thionndaidh iad a leth-taobh a chogadh ’na aghaidh: agus ghlaodh Iehosaphat a mach. 33 Agus an uair a chunnaic ceannardan nan carbad nach b’e righ Israeil a bh’ann, phill iad o a leantuinn. 34 Agus tharruing fear a bhogha a thaobh tuairimeis (3), agus bhuail e righ Israeil eadar altaibh na lùirich: uime sin thubhairt e r’a charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a mach as an fheachd mi; oir tha mi air mo lotadh. 35 Agus mheudaich (4) an cath air an là sin: agus chumadh an righ suas ’na charbad an aghaidh nan Sirianach, agus fhuair e bàs mu fheasgar; agus ruith an fhuil a mach as an lot gu meadhon a’ charbaid. 36 Agus chaidh gairm air feadh an t-slòigh mu luidhe na gréine, ag ràdh, Gach fear d’a bhaile, agus gach fear d’a thìr féin. 37 Agus dh’eug an righ, agus thugadh do Shamaria e: agus dh’adhlaic iad an righ ann an Samaria. 38 Agus nigh neach an carbad ann an lochan Shamaria, agus dh’imlich na madraidh fhuil, agus nigh iad armachd, a réir focail an Tighearn, a labhair e. 39 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ahaib, agus na h-uile nithe a rinn e, agus an tigh do fhiaclaibh elephant a thog e, agus na bailtean uile a thog e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 40 Agus choidil Ahab maille r’a aithrichibh, agus rìoghaich Ahasiah a mhac ’na àit. 41 Agus thòisich Iehosaphat mac Asa air rìoghachadh os cionn Iudah anns a’ cheathramh bliadhna do Ahab righ Israeil. 42 Bha Iehosaphat cùig bliadhna deug thar fhichead a dh’aois an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e cùig bliadhna fichead ann an Ierusa- (1) ghainntir; tigh a’ phrìosain. Eabh. (2) àmhghair, gainne. (3) tuairim, teagmhuis. (4) dh’éirich. Eabh. [TD 261] I. RIGH. CAIB. XXII. lem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi. 43 Agus ghluais e ann an uile shlighe Asa athar, cha do chlaon e uaithe, a’ deanamh an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna: gidheadh, cha d’thugadh air falbh na h-àitean arda, oir fathast dh’ìobair an sluagh, agus loisg iad tùis anns na h-àitibh arda. 44 Agus rinn Iehosaphat sìth re righ Israeil. 45 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehosaphait, agus a thréine (1) a dh’fheuch e, agus cionnus a chog e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 46 Agus fuigheall nan Sodomach a dh’fhan ann an laithibh Asa athar, chuir e as an tìr. 47 San àm sin cha robh righ ann an Edom: b’fhear-riaghlaidh a bha ’na righ (2). 48 Rinn Iehosaphat longa do Tharsis (3) gu dol do Ophir air son òir: (ach cha deachaidh iad ann; oir bhriseadh na longa ann an Esion-geber.) 49 Agus thubhairt Ahasiah mac Ahaib re Iehosaphat, Rachadh mo sheirbhisich-sa maille re d’ sheirbhisich-sa anns na longaibh: ach cha b’àill le Iehosaphat sin. 50 Agus choidil Iehosaphat maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh athar: agus rìoghaich Iehoram a mhac ’na àit. 51 Thòisich Ahasiah mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria san t-seachdamh bliadhna deug do Iehosaphat righ Iudah, agus rìoghaich e os cionn Israeil dà bhliadhna. 52 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe athar, agus ann an slighe a mhàthar, agus ann an slighe Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. 53 Oir rinn e seirbhis do Bhaal, agus shleuchd e dha, agus bhrosnaich e ’n Tighearna Dia Israeil gu feirg, a réir nan uile nithe a rinn athair. (1) neart. (2) bha’n àite righ. (3) longa fairge. [TD 262] Dara Leabhar nan RIGH, d’an goirear gu coitcheann, Ceathramh Leabhar nan RIGH. CAIB. I. AGUS rinn Moab ceannairc an aghaidh Israeil an déigh bàis Ahaib. 2 Agus thuit Ahasiah sìos troimh chliath-uinneig ’na sheòmar uachdarach a bha ann an Samaria, agus bha e tinn: agus chuir e teachdairean uaith, agus thubhairt e riu, Rachaibh, fiosraichibh do Bhaal-sebub dia Ecroin, an d’thig mi beo o’n tinneas so. 3 Ach thubhairt aingeal an Tighearna, re Eliah an Tisbidheach, Eirich, falbh suas an coinneamh theachdairean righ Shamaria, agus abair riu, An ann a chionn nach ’eil Dia ann an Israel, a tha sibh a’ dol a dh’fhiosrachadh do Bhaal-sebub dia Ecroin? 4 A nis uime sin mar so tha’n Tighearn ag ràdh, O’n leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha d’thig thu a nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. Agus dh’fhalbh Eliah. 5 Agus an uair a phill na teachdairean d’a ionnsuidh, thubhairt e riu, C’ar son a tha sibh air pilltinn? 6 Agus thubhairt iadsan ris, Thàinig duine a nìos ’nar coinneamh, agus thubhairt e ruinn, Rachaibh, pillibh a dh’ionnsuidh an righ a chuir uaith sibh, agus abraibh ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, An ann a chionn nach ’eil Dia ann an Israel, a tha thu a’ cur theachdairean a dh’fhiosrachadh do Bhaal-sebub dia Ecroin? Uime sin o’n leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha d’thig thu a nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. 7 Agus thubhairt e riu, Ciod e eugas (1) an duine a thàinig a nìos ’nar coinneamh, agus a labhair ribh na briathra sin? 8 Agus thubhairt iadsan ris, Duine molach, agus e crioslaichte le crios leathair m’a leasraidh. Agus thubhairt esan, Is e Eliah an Tisbidheach a bh’ann. 9 Agus chuir an righ d’a ionnsuidh ceannard leth-cheud, maille r’a leth-cheud: agus chaidh e suas d’a ionnsuidh (agus feuch, bha e ’na shuidhe air mullach sléibh) agus labhair e ris, A dhuine le Dia, thubhairt an righ, Thig a nuas. 10 Agus fhreagair Eliah, a- (1) aogas, coslas. [TD 263] II. RIGH. CAIB. II. gus thubhairt e re ceannard an leth-cheud, Agus ma’s duine le Dia mise, thigeadh teine a nuas o na nèamhaibh, agus loisgeadh e suas thusa agus do leth-cheud. Agus thàinig teine a nuas o na nèamhaibh, agus loisg e suas esan agus a leth-cheud. 11 Agus a rìs chuir e d’a ionnsuidh ceannard eile leth-cheud, maille r’a leth-cheud: agus labhair e, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, mar so thubhairt an righ, Thig a nuas gu grad (1). 12 Agus fhreagair Eliah agus thubhairt e riu, Ma’s duine le Dia mise, thigeadh teine a nuas o na nèamhaibh, agus loisgeadh e suas thusa agus do leth-cheud. Agus thàinig teine Dhé a nuas o na nèamhaibh, agus loisg e suas esan agus a leth-cheud. 13 Agus a rìs chuir e uaith ceannard an treas leth-cheud, maille r’a leth-cheud: agus chaidh an treas ceannard leth-cheud suas, agus thàinig e, agus leig se e féin air a ghlùinibh fa chomhair Eliah, agus dh’aslaich e air, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, bitheadh, guidheam ort, m’anam-sa, agus anam an leth-cheud òglach so agad, luachmhor a’d’ shùilibh. 14 Feuch, thàinig teine a nuas o na nèamhaibh, agus loisg e suas an dà cheud cheannard leth-cheud, maille r’an leth-cheudaibh; ach a nis bitheadh m’anam-sa luachmhor a’d’ shùilibh. 15 Agus thubhairt aingeal an Tighearna le Eliah, Falbh sìos maille ris, na biodh eagal ort roimhe. Agus dh’éirich e, agus chaidh e sìos maille ris a dh’ionnsuidh an righ. 16 Agus thubhairt e ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, A chionn gu’n do chuir thu teachdairean a dh’fhiosrachadh do Bhaal-sebub dia Ecroin, mur nach biodh Dia ann an Israel a dh’fhiosrachadh d’a fhocal (2), uime sin o’n leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha d’thig thu nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. 17 Agus fhuair e bàs a réir focail an Tighearna, a labhair Eliah: agus rìoghaich Iehoram ’na àit (3), anns an dara bliadhna do Iehoram mac Iehosaphait righ Iudah, a chionn nach robh mac aige. 18 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ahasiah a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? CAIB. II. AGUS thachair an uair a bha’n Tighearna gu Eliah a thogail suas le h-iom-ghaoith do na nèamhaibh, gu’n deachaidh Eliah maille re Elisa o Ghilgal. 2 Agus thubhairt Eliah re Elisa, Fan an so, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Betel. Agus thubhairt Elisa ris, Mar is beo an Tighearna, agus mar is beo t’anam, cha’n fhàg mi thu. Agus chaidh iad sìos gu Betel. 3 Agus thàinig mic nam (1) Greas ort, thig a nuas. Eabh. (2) an ann a chionn nach ’eil Dia ann an Israel a dh’fheòraich d’a fhocal? Eabh. (3) rìoghaich Iehoram, a bhràthair, ’na àit. [TD 264] II. RIGH. CAIB. II. fàidh a bha ann am Betel a mach gu Elisa, agus thubhairt iad ris, Am bheil fhios agad gu’n d’thoir an Tighearn an diugh do mhaighstir air falbh o d’ cheann? Agus thubhairt esan, Seadh, tha fhios agam air; bithibhse ’nar tosd. 4 Agus thubhairt Eliah ris, Elisa, fan an so, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Iericho. Agus thubhairt esan, Mar is beo an Tighearna, agus mar is beo t’anam, cha dealaich mi riut. Agus thàinig iad gu Iericho. 5 Agus thàinig mic nam fàidh a bha ann an Iericho gu Elisa, agus thubhairt iad ris, Nach ’eil fhios agadsa gu’n d’thoir an Tighearn an diugh do mhaighstir air falbh o d’ cheann? Agus fhreagair esan, Seadh, tha fhios agam air, bithibhse ’nar tosd. 6 Agus thubhairt Eliah ris, Fan, guidheam ort, an so; oir chuir an Tighearna mise gu Iordan. Agus thubhairt esan, Mar is beo an Tighearna, agus mar is beo t’anam, cha’n fhàg mi thu. Agus chaidh iad ’nan dithis air an aghaidh. 7 Agus chaidh leth-cheud fear do mhacaibh nam fàidh, agus sheas iad fa’n comhair fad as: agus sheas iadsan ’nan dithis làimh re Iordan. 8 Agus ghabh Eliah fhalluing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h-uisgeacha, agus roinneadh iad a null agus a nall: agus chaidh iadsan ’nan dithis thairis air talamh tioram. 9 Agus an uair a bha iad air dol thairis, thubhairt Eliah re Elisa, Iarr ciod is àill leat mise a dheanamh air do shon, mun d’thoirear mi air falbh uait. Agus thubhairt Elisa, Bitheadh, guidheam ort, cuibhrionn dhùbailte do d’ spiorad orm. 10 Agus thubhairt esan, Is cruaidh an ni a dh’iarr thu: gidheadh, ma chi thu mise ’nuair a bheirear air falbh uait mi, bithidh e dhuit mar sin; ach mur faic, cha bhi e mar sin. 11 Agus an uair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chéile iad: agus chaidh Eliah suas le h-iom-ghaoith do na nèamhaibh. 12 Agus chunnaic Elisa sin, agus ghlaodh e, M’athair, m’athair, carbad Israeil, agus a mharc-shluagh. Agus cha’n fhac’ e ni’s mò e: agus rug e air eudach féin, agus reub e ’na dhà mhìr (1) e. 13 Agus thog e suas falluing Eliah, a thuit uaith, agus phill e, agus sheas e làimh re bruaich Iordain. 14 Agus ghabh e falluing Eliah a thuit uaith, agus bhuail e na h-uisgeacha, agus thubhairt e, C’àit a nis am bheil an Tighearna Dia Eliah? Agus an uair a bhuail e na h-uisgeacha, roinneadh iad a null agus a nall, agus chaidh Elisa thairis. 15 Agus an uair a chunnaic mic nam fàidh e, a bha ann an Iericho fa chomhair, thubhairt iad, Dh’fhan spiorad Eliah air Elisa. Agus thàinig iad ’na choinneamh, agus chrom siad iad féin dha (2) gu làr. 16 Agus thubhairt iad ris, Feuch a nis, tha maille re d’ (1) reubadh. Eabh. (2) ’na làthair. [TD 265] II. RIGH. CAIB. III. sheirbhisich leth-cheud fear treun (1); rachadh iad, guidheamaid ort, agus iarradh iad do mhaighstir, air eagal gu’n do thog spiorad an Tighearna suas e, agus gu’n do thilg se e air beinn éigin, no ann an gleann éigin. Agus thubhairt esan, Cha chuir sibh uaibh iad. 17 Agus an uair a chuir iad impidh air gus an robh nàire air, thubhairt e, Cuiribh uaibh iad. Agus chuir iad uatha leth-cheud fear, agus dh’iarr iad e rè thri laithean, ach cha d’fhuair iad e. 18 Agus an uair a thàinig iad a rìs d’a ionnsuidh, agus e a chòmhnuidh ann an Iericho, thubhairt e riu, Nach dubhairt mise ribh, Na rachaibh? 19 Agus thubhairt fir a’ bhaile re Elisa, Feuch a nis, tha suidheachadh a’ bhaile so taitneach, mar a tha mo thighearn a’ faicinn, ach tha’n t-uisge olc, agus an talamh neo-thorach. 20 Agus thubhairt esan, Thugaibh a m’ ionnsuidh soitheach (2) nomha, agus cuiribh salann ann. Agus thug iad d’a ionnsuidh e. 21 Agus chaidh e mach a dh’ionnsuidh tobair (3) nan uisgeacha, agus thilg e salann an sin, agus thubhairt e, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Shlànuich mi na h-uisgeacha sin: cha bhi o sin ni’s mò bàs, no talamh neo-thorach. 22 Agus shlànuicheadh na h-uisgeacha gus an la’n diugh, a réir focail Elisa a labhair e. 23 Agus chaidh e suas as sin gu Betel: agus an uair a bha e a’ dol suas air an t-slighe, thàinig clann bheag (4) a mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanoid air, agus thubhairt iad ris, Gabh suas, fhir mhaoil; gabh suas, fhir mhaoil. 24 Agus sheall e ’na dhéigh, agus chunnaic e iad, agus mhallaich e iad ann an ainm an Tighearna: agus thàinig dà mhath-ghamhuin bhanionn a mach as a’ choille, agus reub iad a dhà agus dà fhichead duine cloinne dhiubh. 25 Agus chaidh e as sin gu sliabh Charmeil: agus as sin phill e gu Samaria. CAIB. III. A NIS thòisich Iehoram mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria, anns an ochdamh bliadhna deug do Iehosaphat righ Iudah, agus rìoghaich e dà bhliadhna dheug. 2 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, ach cha b’ann cosmhuil r’a athair agus cosmhuil r’a mhàthair; oir chuir e air falbh dealbh Bhaail a rinn athair. 3 Gidheadh, re peacaibh Ieroboaim mhic Nebait a thug air Israel peacachadh, dhlùth-lean e: cha do dhealaich e riu sin. 4 Agus bha Mesa righ Mhoaib ’na shealbhadair chaorach, agus dh’ìoc e do righ Israeil ceud mìle uan, agus ceud mìle reithe le’n olainn. 5 Agus an uair a dh’eug Ahab, rinn righ Mhoaib ceannairc an aghaidh righ Israeil. 6 Agus chaidh righ Iehoram a mach air an là sin a Samaria, agus dh’àireamh e Israel uile. (1) mic neart. Eabh. (2) corn, gloin. (3) teachd a mach, màthar. (4) giullain bheaga. [TD 266] II. RIGH. CAIB. III. 7 Agus chaidh e, agus chuir e teachdairean gu Iehosaphat righ Iudah, ag ràdh, Rinn righ Mhoaib ceannairc a’m’ aghaidh: an d’théid thu maille rium an aghaidh Mhoaib gu cath? Agus thubhairt esan, Théid mi suas: tha mise, mar a ta thusa, mo shluagh-sa mar do shluagh-sa, m’eich-sa mar t’eich-sa. 8 Agus thubhairt e, Cia an rathad a théid sinn suas? Agus fhreagair esan, Rathad fàsaich Edoim. 9 Agus dh’imich righ Israeil, agus righ Iudah, agus righ Edoim, agus chaidh iad mu’n cuairt astar sheachd là; agus cha robh uisge aca do’n t-sluagh, agus do’n spréidh a lean iad. 10 Agus thubhairt righ Israeil, Mo thruaighe, gu’n do ghairm an Tighearna na tri righre so cuideachd, chum an toirt thairis do làimh Mhoaib. 11 Agus thubhairt Iehosaphat, Nach ’eil an so fàidh leis an Tighearna, a chum gu’m fiosraich sinn do’n Tighearna leis? Agus fhreagair aon do sheirbhisich righ Israeil, agus thubhairt e, Tha’n so Elisa mac Shaphait, a thaom uisge air làmhan Eliah. 12 Agus thubhairt Iehosaphat, Tha focal an Tighearna maille ris. Agus chaidh righ Israeil, agus Iehosaphat, agus righ Edoim, sìos d’a ionnsuidh. 13 Agus thubhairt Elisa re righ Israeil, Ciod e mo ghnothuch-sa riut-sa? imich a dh’ionnsuidh fhàidhean t’athar, agus a dh’ionnsuidh fhàidhean do mhàthar. Agus thubhairt righ Israeil ris, Ni h-eadh; oir ghairm an Tighearna na tri righre so cuideachd, chum an toirt thairis do làimh Mhoaib. 14 Agus thubhairt Elisa, Mar is beo Tighearna nan slògh, an làthair am bheil mi a’m’ sheasamh, gu cinnteach mur biodh meas agamsa do làthaireachd (1) Iehosaphait righ Iudah, cha seallainn ortsa, ni mò a chithinn thu. 15 Ach a nis thugaibh a m’ ionnsuidh fear-ciuil. Agus an uair a bha ’m fear-ciuil a’ cluicheadh, bha làmh an Tighearn air. 16 Agus thubhairt e, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Dean an gleann so làn do chlaisibh (2): 17 Oir mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Cha’n fhaic sibh gaoth, ni mò a chi sibh uisge; gidheadh lìonar an gleann so le h-uisge, agus òlaidh sibh, sibh féin agus bhur spréidh, agus bhur n-ainmhidhean. 18 Agus is beag (3) so ann an sùilibh an Tighearna: bheir e mar an ceudna na Moabaich thairis d’ar làimh. 19 Agus buailidh sibh gach baile daingnichte, agus gach baile taghta, agus leagaidh sibh sìos gach craobh mhaith, agus dùinidh sibh suas na tobair uisge uile, agus millidh sibh gach mìr maith fearainn le clachaibh. 20 Agus anns a’ mhaduinn, mu àm toirt suas an tabhartais-bhìdh, feuch, thàinig uisge rathad Edoim, agus lìonadh an tìr le h-uisge. 21 Agus an uair a chuala na Moabaich uile gu’n d’thàinig na righrean a nìos a chogadh ’nan aghaidh, ghairmeadh cuideachd (1) do ghnùis. (2) ’na chlaisibh, chlaisibh. Eabh. (3) eutrom, suarach. [TD 267] II. RIGH. CAIB. IV. iadsan uile a thàinig gu aois airm iomchar (1), agus os a chionn sin, agus sheas iad aig a’ chrìch. 22 Agus dh’éirich iad gu moch anns a’ mhaduinn, agus dhealraich a’ ghrian air na h-uisgeachaibh, agus chunnaic na Moabaich thall fa’n comhair na h-uisgeacha dearg mar fhuil: 23 Agus thubhairt iad, Is fuil so: sgriosadh gun teagamh na righre, agus bhuail iad a chéile: a nis ma ta, dh’ionnsuidh na creiche, a Mhoaib. 24 Agus an uair a thàinig iad gu camp Israeil, dh’éirich na h-Israelich, agus bhuail iad na Moabaich, agus theich iad rompa: ach chaidh iadsan air an aghaidh a’ bualadh nam Moabach, eadhon ’nan tìr féin. 25 Agus leag iad sìos na bailte, agus air gach mìr maith fearainn thilg gach fear a chlach, agus lìon iad e, agus dhùin iad suas gach tobar uisge, agus leag iad sìos gach craobh mhaith: a mhàin ann an Cir-haraset dh’fhàg iad a chlacha: ach chuairtich luchd nan crann-tàbhuill e, agus bhuail iad e. 26 Agus an uair a chunnaic righ Mhoaib gu’n do bhuadhaich an cath air, thug e leis seachd ceud fear a tharruing claidheamh, a chum briseadh a steach gu righ Edoim, ach cha b’urrainn iad. 27 An sin ghabh e a cheud-ghin mic, a bha gu rìoghachadh ’na àit, agus dh’ìobair se e mar ìobairt-loisgte air a’ bhalladh: agus bha corruich mhòr an aghaidh Israeil; agus dh’imich iad uaith, agus phill iad d’an tìr féin. CAIB. IV. A NIS ghlaodh bean àraidh do mhnaibh mhac nam fàidh re Elisa, ag ràdh, Fhuair t’òglach m’fhear bàs; agus tha fios agad gu’n robh eagal an Tighearn air t’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mac leis gu bhi ’nan tràillibh aige. 2 Agus thubhairt Elisa ria, Ciod a ni mise air do shon? innis dhomh ciod a th’agad san tigh? Agus thubhairt ise, Cha ’n’eil aig do bhanoglaich ni air bith san tigh, ach soitheach olaidh. 3 An sin thubhairt esan, Falbh, iarr dhuit féin soithiche an coingheall a muigh o d’ choimhearsnachaibh uile, eadhon soithiche falamh: na dean le beagan. 4 Agus an uair a théid thu a steach, druididh tu an dorus ort féin, agus air do mhacaibh, agus taomaidh tu anns na soithichibh sin uile, agus cuiridh tu’n soitheach làn a leth-taobh. 5 Agus dh’fhalbh i uaith, agus dhruid i an dorus oirre féin, agus air a macaibh; agus thug iadsan na soithiche d’a h-ionnsuidh, agus thaom ise a mach. 6 Agus an uair a bha na soithiche làn, thubhairt i r’a mac, Thoir a m’ ionnsuidh fathast soitheach. Agus thubhairt esan ria, Cha ’n’eil soitheach ann tuilleadh. Agus stad an oladh. 7 An sin thàinig i agus dh’innis i sin do’n duine le Dia: agus thubhairt esan, Falbh, reic an oladh, agus dìol (2) t’fhiacha; (1) gach neach a chrioslaich e féin le crios. Eabh. (2) pàigh. [TD 268] II. RIGH. CAIB. IV. agus thig féin agus do mhic beo air a’ chuid eile. 8 Agus thachair air la àraidh gu’n deachaidh Elisa thairis gu Sunam, far an robh bean mhòr; agus chuir i impidh air (1) aran itheadh. Agus ge b’e uair a rachadh e seachad, thionndadhadh e stigh an sin a dh’itheadh arain. 9 Agus thubhairt ise r’a fear, Feuch a nis, tha fhios agam gur duine naomha le Dia e so, a tha gabhail seachad oirn co tric (2). 10 Deanamaid, guidheam ort, seòmar beag ballaidh (3), agus cuireamaid da an sin leabadh, agus bord, agus cathair, agus coinnleir: agus an uair a thig e d’ar n-ionnsuidh, tionndadhaidh e stigh an sin. 11 Agus tharladh (4) air la àraidh gu’n d’thàinig e ’n sin, agus thionndaidh e steach do’n t-seòmar, agus luidh e ’n sin. 12 Agus thubhairt e re Gehasi òglach, Gairm air a’ bhan-sunamaich so. Agus ghairm esan oirre, agus sheas i ’na fhianuis. 13 Agus thubhairt e ris, Abair a nis ria, Feuch, ghabh thu cùram d’ar taobh-ne leis a’ chùram so uile; ciod a tha re dheanamh air do shon? an àill leat labhairt air do shon ris an righ, no re ceannard an t-slòigh? Agus fhreagair ise, Am measg mo shluagh féin tha mi a’m’ chòmhnuidh. 14 Agus thubhairt esan, Ciod ma ta a tha re dheanamh air do shon? Agus thubhairt Gehasi, Gu deimhin cha ’n’eil mac aice, agus tha a fear sean. 15 Agus thubhairt esan, Gairm oirre. Agus an uair a ghairm e oirre, sheas i anns an dorus. 16 Agus thubhairt e, Aig an àm shuidhichte so, a réir àm na beatha, bithidh mac agad a’d’ ghlacaibh. Agus thubhairt ise, Na dean, mo thighearn, a dhuine le Dia, na dean breug do d’ bhanoglaich. 17 Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac aig an àm shuidhichte sin mu’n do labhair Elisa ria, a réir àm na beatha. 18 Agus dh’fhàs an leanabh suas: agus thachair air là àraidh gu’n deachaidh e mach a chum athar, a dh’ionnsuidh nam buanaichean. 19 Agus thubhairt e r’a athair, Mo cheann, mo cheann. Agus thubhairt esan re òglach, Tog leat e dh’ionnsuidh a mhàthar. 20 Agus thog esan leis e, agus thug e dh’ionnsuidh a mhàthar e: agus shuidh e air a glùinibh gu meadhon-là, agus an sin dh’eug e. 21 Agus chaidh i suas, agus chuir i ’na luidhe e air leabaidh an duine le Dia, agus dhruid i an dorus air, agus chaidh i mach. 22 Agus ghairm i air a fear, agus thubhairt i, Cuir a m’ ionnsuidh, guidheam ort, aon do na h-òglachaibh, agus aon do na h-asalaibh, a chum as gu’n ruith mi a dh’ionnsuidh an duine le Dia, agus gu’n d’thig mi a rìs. 23 Agus thubhairt esan, C’ar son a théid thu d’a ionnsuidh? an diugh cha ’n’eil gealach (1) choimh-éignich i e. (2) an còmhnuidh. (3) le balladh. (4) thachair. [TD 269] II. RIGH. CAIB. IV. nomha, no sàbaid ann. Agus thubhairt ise, Bithidh gach ni gu maith (1). 24 An sin chuir i dìollaid air asail, agus thubhairt i r’a h-òglach, Tarruing, agus bi ’g imeachd: na cuir moille orm a’ marcachd (2), mur iarr mi ort. 25 Agus dh’imich i, agus thàinig i dh’ionnsuidh an duine le Dia gu sliabh Charmeil: agus an uair a chunnaic an duine le Dia i fa chomhair (3), thubhairt e re Gehasi òglach, Feuch, is i sud a’ Bhan-sunamach. 26 Ruith a nis, guidheam ort, ’na coinneamh, agus abair ria, Am bheil thu féin gu maith? am bheil t’fhear gu maith? am bheil an leanabh gu maith? Agus fhreagair ise, Tha gu maith. 27 Agus an uair a thàinig i a dh’ionnsuidh an duine le Dia chum an t-sléibh, rug i air a chosaibh; ach thàinig Gehasi am fagus gus a cur air falbh. Agus thubhairt an duine le Dia, Leig dh’i, oir tha a h-anam air a chràdh innte; agus cheil an Tighearn ormsa e, agus cha d’innis e dhomh. 28 Agus thubhairt ise, An d’iarr mise mac o m’ thighearna? nach dubhairt mi, Na meall mi? 29 An sin thubhairt e re Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata-sa (4) ann do làimh, agus bi ’g imeachd: ma thachaireas tu air duine sam bith, na beannaich dha; agus ma bheannaicheas duine sam bith dhuit, na freagair e a rìs: agus cuir mo bhatadh air aghaidh an leinibh. 30 Agus thubhairt màthair an leinibh, Mar is beo an Tighearna, agus mar is beo t’anam-sa, cha ’n fhàg mi thu. Agus dh’éirich e, agus lean e i. 31 Agus chaidh Gehasi air aghaidh rompa, agus chuir e ’m batadh air aghaidh an leinibh, ach cha robh cainnt no claisteachd aige: uime sin phill e ’na choinneamh, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Cha ’n’eil an leanabh air dùsgadh. 32 Agus an uair a thàinig Elisa a steach do’n tigh, feuch, bha’n leanabh marbh, agus ’na luidhe air a leabaidh-san. 33 Uime sin chaidh e stigh, agus dhùin e ’n dorus orra ’nan dithis, agus rinn e urnuigh ris an Tighearna. 34 Agus chaidh e suas agus luidh e air an leanabh, agus chuir e a bheul air a bheul, agus a shùilean air a shùilibh, agus a làmhan air a làmhaibh, agus shìn se e féin sìos air, agus dh’fhàs feoil an leinibh blàth. 35 Agus a rìs, dh’imich e (5) anns an tigh a null agus a nall (6), agus chaidh e suas, agus shìn se e féin sìos air; agus rinn an leanabh sreothartaich seachd uairean, agus dh’fhosgail an leanabh a shùilean. 36 Agus ghairm e air Gehasi, agus thubhairt e, Gairm air a’ Bhan-sunamaich so. Agus ghairm esan oirre; agus an uair a thàinig i stigh d’a ionnsuidh, thubhairt esan, Tog leat do mhac. 37 Agus thàinig i, agus thuit i aig a chosaibh, agus chrom si i féin sìos gu làr, agus thog i (1) Sìth. Eabh. (2) na dean air mo shon-sa moille ann am marcachd. (3) fad uaith. (4) mo lorg-sa. (5) Agus phill e, agus dh’imich e. Eabh. (6) aon uair an so agus aon uair an sud. Eabh. [TD 270] II. RIGH. CAIB. V. leatha a mac, agus chaidh i mach. 38 Agus phill Elisa gu Gilgal, agus bha gorta san tìr, agus bha mic nam fàidh ’nan suidhe fa chomhair: agus thubhairt e r’a òglach, Cuir air a’ phoit mhòr, agus bruich brochan do mhacaibh nam fàidh. 39 Agus chaidh aon a mach do’n achadh a thional luibhean, agus fhuair e fionain (1) fhiadhaich, agus thionail e dhith dearcan (2) fiadhaich, làn fhalluinge, agus thàinig e agus ghearr e sìos iad anns a’ phoit bhrochain; oir cha b’aithne dhoibh iad. 40 Agus thaom iad a mach do na daoinibh gu itheadh; agus an uair a bha iad ag itheadh do’n bhrochan, ghlaodh iad, agus thubhairt iad, Bàs anns a’ phoit, a dhuine le Dia. Agus cha b’urrainn iad itheadh dheth. 41 Agus thubhairt esan, Thugaibh ma ta min a m’ ionnsuidh. Agus thilg e anns a’ phoit i, agus thubhairt e, Taom a mach air son an t-sluaigh, a chum as gu’n ith iad: agus cha robh ni air bith olc anns a’ phoit. 42 Agus thàinig duine o Bhaal-salisa, agus thug e dh’ionnsuidh an duine le Dia aran do’n cheud toradh, fichead builionn eorna, agus làn dhiasan arbhair ’nan caithleach (3); agus thubhairt e, Thoir do’n t-sluagh, a chum as gu’n ith iad. 43 Agus thubhairt fhear-frithealaidh (4) ris, C’ar son a chuirinn so an làthair cheud fear? Agus thubhairt esan a rìs, Thoir do’n t-sluagh, a chum as gu’n ith iad: oir mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Ithidh iad, agus bithidh fuigheall ann. 44 Uime sin chuir e ’nan làthair e, agus dh’ith iad, agus bha fuigheall aca, a réir focail an Tighearna. CAIB. V. A NIS bha Naaman ceannard slòigh righ Shiria ’na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach; a chionn leis-san (5) gu’n d’thug an Tighearna saorsadh do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e. 2 Agus chaidh na Sirianaich a mach ’nam buidhnibh, agus thug iad leo am braighdeanas a tìr Israeil caileag bheag; agus bha i a’ feitheamh air mnaoi Naamain. 3 Agus thubhairt i r’a ban-mhaighstir, B’fhearr leam gu’m biodh mo thighearna maille ris an fhàidh a tha ann an Samaria; an sin leighiseadh e o ’luibhre e. 4 Agus chaidh esan (6) a stigh, agus dh’innis e d’a thighearna, ag ràdh, Mar so agus mar so thubhairt a’ chaileag a tha o thìr Israeil. 5 Agus thubhairt righ Shiria, Imich romhad, agus cuiridh mise litir a dh’ionnsuidh righ Israeil. Agus dh’imich e, agus thug e leis (7) deich tàlannan airgid, agus sè mìle bonn òir, agus deich culaidhean eudaich. 6 Agus thug e ’n litir a (1) fineamhain, crann-fiona. (2) meallain chruinne; gourds. Sasg. (3) ’nan caithleanaibh, ’nan cogall; ’na mhàla. (4) a sheirbhiseach. (5) le a làimh-san. Eabh. (6) i. e. Naaman. (7) ’na làimh. Eabh. [TD 271] II. RIGH. CAIB. V. dh’ionnsuidh righ Israeil, ag ràdh, A nis an uair a thig an litir so a t’ ionnsuidh, feuch, chuir mi a t’ ionnsuidh leatha Naaman mo sheirbhiseach, a chum as gu’n leighis thu e o ’luibhre (1). 7 Agus an uair a leugh righ Israeil an litir, reub e eudach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dheanamh beo, gu’n cuireadh am fear so fios a m’ ionnsuidh duine a leigheas o ’luibhre? uime sin thugaibh fa’near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnus a tha e ’g iarraidh aobhair a’m’ aghaidh (2). 8 Agus an uair a chual Elisa an duine le Dia gu’n do reub righ Israeil eudach, chuir e fios a dh’ionnsuidh an righ, ag ràdh, C’ar son a reub thu t’eudach? thigeadh e nis a m’ ionnsuidh-sa, agus bithidh fios aige gu bheil fàidh ann an Israel. 9 Agus thàinig Naaman le eachaibh agus le charbad, agus sheas e aig dorus tighe Elisa. 10 Agus chuir Elisa teachdaire d’a ionnsuidh, ag ràdh, Imich, agus nigh thu féin seachd uairean ann an Iordan, agus thig t’fheoil a rìs a t’ ionnsuidh, agus bithidh tu glan. 11 Ach bha fearg air Naaman, agus dh’fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi (3), gu cinnteach gu’n d’thigeadh e mach a m’ ionnsuidh, agus gu’n seasadh e, agus gu’n gairmeadh e air ainm an Tighearn a Dhé, agus gu’n cuireadh e a làmh air an ait, agus gu’n leighiseadh e an lobhar. 12 Nach ’eil Abana agus Pharpar, aibhnichean Dhamascuis, ni’s fearr na uile uisgeacha Israeil? nach feud mi mi féin a nigheadh annta-san, agus a bhi glan? Agus thionndaidh e, agus dh’fhalbh e roimhe ann an corruich. 13 Agus thàinig a sheirbhisich am fagus, agus labhair iad ris, agus thubhairt iad, O athair, nam biodh am fàidh air iarraidh ort ni mòr a dheanamh, nach deanadh tu e? nach ro-mhò na sin ma ta, ’nuair a tha e ’g ràdh riut, Nigh agus bi glan? 14 An sin chaidh e sìos, agus thum se e féin ann an Iordan seachd uairean, a réir focail an duine le Dia; agus thàinig fheoil a rìs mar fheoil leinibh bhig, agus ghlanadh e. 15 Agus phill e a dh’ionnsuidh an duine le Dia, e féin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e ’na làthair, agus thubhairt e, Feuch, a nis tha fios agam nach ’eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a nis ma ta, guidheam ort, gabh tiodhlacadh (4) o d’ sheirbhiseach. 16 Ach thubhairt esan, Mar is beo an Tighearna, an làthair am bheil mi a’m’ sheasamh, cha ghabh mi e. Agus chuir e impidh air a ghabhail, ach dhiùlt esan e. 17 Agus thubhairt Naaman, Nach d’thoirear ma ta, guidheam ort, do d’ sheirbhiseach eire (5) dhà mhuileid do thalamh (6)? oir cha d’thoir do sheirbhiseach suas a so a mach tabhartas-loisgte, (1) o a luibhre. (2) ag iarraidh aobhair cur a mach orm. (3) thubhairt mi. Eabh. (4) beannachadh. Eabh. (5) eallach, luchd, sac. (6) ùir. [TD 272] II. RIGH. CAIB. VI. no ìobairt do dhéibh air bith eile, ach do’n Tighearna. 18 Anns an ni so gu’n d’thugadh an Tighearna maitheanas do d’ sheirbhiseach, an uair a théid mo thighearn a steach do thigh Rimoin a dheanamh aoraidh (1) an sin, agus a leigeas e a thaic (2) air mo làimh-sa, agus a chromas mise mi féin sìos ann an tigh Rimoin: an uair a chromas mise mi féin sìos ann an tigh Rimoin, gu’n d’thugadh an Tighearna maitheanas do d’ sheirbhiseach anns an ni so. 19 Agus thubhairt esan ris, Imich ann an sìth. Agus dh’imich e uaith beagan astair. 20 Ach thubhairt Gehasi òglach Elisa an duine le Dia, Feuch, chaomhain mo mhaighstir Naaman an Sirianach so, a thaobh nach do ghabh e as a làimh an ni sin a thug e leis: ach mar is beo an Tighearna, ruithidh mise ’na dhéigh, agus gabhaidh mi ni éigin uaith. 21 Agus lean Gehasi Naaman: agus an uair a chunnaic Naaman e a’ ruith ’na dhéigh, leum e nuas as a charbad ’na choinneamh, agus thubhairt e, Am bheil gach ni gu maith? 22 Agus thubhairt esan, Tha gach ni gu maith: chuir mo mhaighstir uaith mi, ag ràdh, Feuch, a nis thàinig a m’ ionnsuidh dà òganach o shliabh Ephraim do mhacaibh nam fàidh: thoir dhoibh, guidheam ort, tàlann airgid, agus dà chulaidh eudaich. 23 Agus thubhairt Naaman, Ma’s toil leat, gabh dà thàlann. Agus choimh-éignich se e, agus cheangail e dà thàlann airgid ann an dà mhàla, agus dà chulaidh eudaich, agus chuir e iad air dithis d’a òglachaibh, agus ghiùlain iadsan roimhe iad. 24 Agus an uair a thàinig e do’n dùn (3), ghabh e as an làimh iad, agus thaisg e anns an tigh iad: agus leig e na daoine air falbh, agus dh’fhalbh iad. 25 Agus chaidh esan a steach, agus sheas e an làthair a mhaighstir, agus thubhairt Elisa ris, Cia as a thàinig thusa, a Ghehasi? Agus thubhairt esan, Cha deachaidh do sheirbhiseach taobh air bith. 26 Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe-sa maille riut, an uair a phill an duine o charbad a’d’ choinneamh? an àm so a ghabhail airgid, agus a ghabhail eudaich, agus liosan-olaidh, agus fhion-liosan, agus chaorach, agus buair (4), agus òglach, agus bhanoglach? 27 Uime sin dlùth-leanaidh luibhre Naamain riutsa, agus re d’ shliochd gu bràth. Agus chaidh e mach a fhianuis, ’na lobhar, geal mar shneachda. CAIB. VI. AGUS thubhairt mic nam fàidh re Elisa, Feuch a nis, tha’n t-àit anns am bheil sinn a chòmhnuidh maille riut ro-chumhaing air ar son. 2 Leig dhuinn dol, guidheamaid ort, gu Iordan, agus bheir gach fear againn sail as sin, agus ni sinn dhuinn féin an sin àite gu còmhnuidh a ghabhail ann. Agus fhreagair esan, Rachaibh. 3 Agus thubhairt aon diubh, (1) a shleuchdadh. (2) a chudthrom. (3) tùr, àit ard; ophel. Eabh. (4) cruidh. [TD 273] II. RIGH. CAIB. VI. Ma’s i do thol a nis, falbh féin maille re d’ sheirbhisich. Agus fhreagair esan, Théid mi. 4 Agus chaidh e maille riu: agus an uair a thàinig iad gu Iordan, ghearr iad sìos fiodh. 5 Ach an uair a bha aon diubh a’ leagadh sailthe, thuit iarunn na tuaighe anns an uisge: agus dh’éigh e agus thubhairt e, Mo thruaigh, a mhaighstir, agus gur ann an coingheall a bha e. 6 Agus thubhairt an duine le Dia, C’àit an do thuit e? Agus dh’fheuch esan da an t-àit. Agus ghearr e sìos maide, agus thilg e ’n sin e, agus thug e air an iarunn snàmh. 7 Agus thubhairt e, Tog leat e. Agus shìn esan a mach a làmh, agus ghabh se e. 8 Agus bha righ Shiria a’ cogadh re h-Israel; agus chuir e a chomhairle r’a sheirbhisich, ag ràdh, Ann an leithid so dh’àite bithidh, mo champ. 9 Agus chuir an duine le Dia fios a dh’ionnsuidh righ Israeil, ag ràdh, Feuch nach d’théid thu thairis a dh’ionnsuidh (1) a leithid so dh’àite; oir an sin tha na Sirianaich air teachd a nuas. 10 Agus chuir righ Israeil daoine a dh’ionnsuidh an àite mu’n d’innis an duine le Dia dha, agus mu’n d’thug e rabhadh dha, agus dhìon se e féin an sin, cha b’ann aon uair no dà uair. 11 Agus bha cridhe righ Shiria fa bhuaireas mòr air son an ni so, agus ghairm e air a sheirbhisich, agus thubhairt e riu, Nach innis sibh dhomh cò ’nar measg-ne tha le righ Israeil? 12 Agus thubhairt aon d’a sheirbhisich, Cha ’n’eil neach air bith, a thighearn, a righ: ach Elisa am fàidh, a tha ann an Israel, innsidh esan do righ Israeil na briathran a labhras tu ann do sheòmar-leapach. 13 Agus thubhairt esan, Rachaibh agus seallaibh c’àit am bheil e, a chum as gu’n cuir mi daoine uam, agus gu’n glac mi e (2). Agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha e ann an Dotan. 14 Uime sin chuir e eich an sin, agus carbaid, agus sluagh mòr: agus thàinig iad san oidhche, agus chuairtich iad am baile. 15 Agus dh’éirich seirbhiseach an duine le Dia gu moch sa mhaduinn, agus chaidh e mach; agus feuch, bha armailt a’ cuairteachadh a’ bhaile, maille re eachaibh agus re carbadaibh; agus thubhairt òglach ris, Mo thruaigh, a mhaighstir, cionnus a ni sinn? 16 Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leo-san. 17 Agus rinn Elisa urnuigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a chum as gu’m faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus feuch, bha’n sliabh làn do eachaibh, agus do charbadaibh teine mu’n cuairt air Elisa. 18 Agus an uair a thàinig iad a nuas d’a ionnsuidh, rinn Elisa urnuigh ris an Tighearna, agus thubhairt e, Buail, guidheam ort, an sluagh so le doille. (1) seachad air. (2) gu’n d’thoir mi ’n so e. [TD 274] II. RIGH. CAIB. VI. Agus bhuail e iad le doille, a réir focail Elisa. 19 Agus thubhairt Elisa riu, Cha ’n i so an t-slighe, agus cha ’n e so am baile; leanaibh mise, agus bheir mi sibh a dh’ionnsuidh an duine a tha sibh ag iarraidh. Ach thug e iad gu Samaria. 20 Agus an uair a thàinig iad a steach do Shamaria, thubhairt Elisa, A Thighearna, fosgail sùilean nan daoine so, chum as gu’m faic iad. Agus dh’fhosgail an Tighearn an sùilean, agus chunnaic iad, agus feuch, bha iad am meadhon Shamaria. 21 Agus thubhairt righ Israeil re Elisa ’n uair a chunnaic e iad, Am buail, am buail mi iad (1), athair? 22 Agus fhreagair esan, Cha bhuail thu iad: am buaileadh tu iadsan a ghlac thu ’nam braighdibh le d’ chlaidheamh, agus le d’ bhogha (2)? cuir aran agus uisge fa’n comhair, a chum gu’n ith agus gu’n òl iad, agus gu’n d’théid iad a dh’ionnsuidh an tighearna féin. 23 Agus rinn e deasachadh mòr air an son: agus an uair a dh’ith agus a dh’òl iad, leig e air falbh iad, agus chaidh iad a dh’ionnsuidh an tighearna. Agus cha d’thàinig buidhne Shiria ni’s mò do thìr Israeil. 24 Agus ’na dhéigh so chruinnich Ben-hadad righ Shiria armailt uile, agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria. 25 Agus bha gorta mhòr ann an Samaria; agus feuch, theannaich iad e, gus an robh ceann asail air a reiceadh air cheithir fichead bonn airgid, agus an ceathramh cuid do chab do aolach choluman (3) air chùig bonnaibh airgid. 26 Agus an uair a bha righ Israeil a’ gabhail seachad air a’ bhalladh, ghlaodh bean ris, ag ràdh, Dean cabhair orm, mo thighearn a righ. 27 Agus thubhairt esan, Mur dean an Tighearna cabhair ort, cionnus a ni mise cabhair ort? an ann as urlar an t-sabhail, no as an fhìon-amar? 28 Agus thubhairt an righ ria, Ciod a tha teachd riut? Agus fhreagair ise, Thubhairt a’ bhean so rium, Thoir seachad do mhac-sa, chum as gu’n ith sinn an diugh e, agus mo mhac-sa ithidh sinn am màireach. 29 Agus bhruich sinn mo mhac-sa, agus dh’ith sinn e: agus thubhairt mise ria-sa air an ath là, Thoir seachad do mhac-sa, chum as gu’n ith sinn e: ach dh’fholaich ise a mac. 30 Agus an uair a chual an righ briathra na mnà, reub e eudach, agus ghabh e seachad air a’ bhalladh, agus dh’amhairc an sluagh, agus feuch, bha saic-eudach air fheoil air an taobh a stigh. 31 An sin thubhairt e, Gu’n deanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma sheasas ceann Elisa mhic Shaphait air an diugh. 32 Ach bha Elisa ’na shuidhe ’na thigh, agus na seanairean ’nan suidhe maille ris: agus chuir an righ duine uaith as a (1) Le bualadh am buail mi iad. Eabh. (2) An ann a chionn gu’n do ghlac thu iad le d’ chlaidheamh, agus le d’ bhogha, a mharbhadh tu iad? (3) do ghall-pheasair. [TD 275] II. RIGH. CAIB. VII. làthaireachd féin (1): ach mu’n d’thàinig an teachdaire d’a ionnsuidh, thubhairt e ris na seanairibh, Am faic sibhse mar a chuir mac so a’ mhortair duine a thoirt mo chinn diomsa? thugaibh an aire (2) ’n uair a thig an teachdaire, druidibh an dorus, agus cumaibh gu daingean e aig an dorus: nach ’eil fuaim chos a thighearna ’na dhéigh? 33 An uair a bha e fathast a’ labhairt riu, feuch, thàinig an teachdaire nuas d’a ionnsuidh: agus thubhairt e, Feuch, tha’n t-olc so o’n Tighearna; c’ar son a dh’fheithinnse air an Tighearna ni’s faide? CAIB. VII. ANSIN thubhairt Elisa, Eisdibh re focal an Tighearna: Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Mu’n tràth so am màireach reicear tomhas do mhin mhìn air shecel, agus dà thomhas eorna air shecel, ann an geatadh Shamaria. 2 Agus fhreagair ceannard (3), a leig an righ a thaic air a làimh, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ge do dheanadh an Tighearna tuil-dhorsan (4) anns na nèamhaibh, am feudadh an ni so bhi? Agus thubhairt esan, Feuch, chi thusa le d’ shùilibh e, ach cha’n ith thu dheth. 3 Agus bha ceathrar do dhaoinibh air an robh an luibhre aig dol a steach a’ gheataidh; agus thubhairt iad gach fear r’a chéile, C’ar son a dh’fhanas sinn an so gus am bàsaich sinn? 4 Ma their sinn, Rachamaid a steach do’n bhaile, tha a’ ghortadh anns a’ bhaile, agus bàsaichidh sinn an sin: agus ma dh’fhanas sinn an so, bàsaichidh sinn mar an ceudna. A nis ma ta thigibh, agus teicheamaid gu camp (5) nan Sirianach: ma chaomhnas iad beo sinn, bithidh sinn beo; ach ma mharbhas iad sinn, cha ’n fhaigh sinn ach am bàs. 5 Agus dh’éirich iad anns an dù-thra (6) gu dol a dh’ionnsuidh caimp (7) nan Sirianach: agus an uair a thàinig iad gus a’ chuid a b’fhaide mach do champ nan Sirianach, feuch, cha robh duin’ air bith an sin: 6 Oir thug an Tighearn air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear r’a chéile, Feuch, thuarasdalaich righ Israeil ’nar n-aghaidh righre nan Hiteach, agus righre nan Eiphiteach gu teachd oirn. 7 Uime sin dh’éirich iad, agus theich iad anns an dù-thra, agus dh’fhàg iad am bùthan, agus an eich, agus an asail, eadhon an camp mar a bha e, agus theich iad air son an anma. 8 Agus an uair a thàinig na lobhair sin gus a’ chuid a b’fhaide mach do’n champ, chaidh iad a steach do aon bhùth, agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, agus thug iad leo as sin airgiod, agus òr, agus eudach, agus chaidh iad agus dh’fholaich siad iad: agus thàinig iad air an ais, agus chaidh iad a steach do bhùth eile, agus thug iad leo as sin (1) dhiubhsan a bha feitheamh air. (2) seallaibh. (3) moir-fhear, duine san treas àite fuidh ’n righ. (4) uinneagan. (5) feachd. (6) an-moch, duibhre. (7) campa. [TD 276] II. RIGH. CAIB. VII. mar an ceudna, agus chaidh iad agus dh’fholaich siad iad. 9 Agus thubhairt iad gach fear r’a chéile, Cha ’n’eil sinn a’ deanamh gu ceart: is là deagh a sgéil an là so, agus tha sinne ’nar tosd: ma dh’fhanas sinn gu solus na maidne, thig olc éigin oirn: a nis ma ta thigibh, agus rachamaid agus innseamaid do theaghlach an righ. 10 Agus thàinig iad agus ghlaodh iad re dorsairibh (1) a’ bhaile, agus dh’innis iad dhoibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùtha mar a bha iad. 11 Agus ghlaodh na dorsairean (2), agus dh’innis iadsan do theaghlach an righ a stigh. 12 Agus dh’éirich an righ anns an oidhche, agus thubhairt e r’a sheirbhisich, Innsidh mi dhuibh a nis ciod a rinn na Sirianaich oirn: tha fios aca gu bheil sinne ocrach, agus chaidh iad a mach as a’ champ gu’m folach féin anns a’ mhachair, ag ràdh, An uair a thig iad a mach as a’ bhaile, glacaidh sinn beo iad, agus théid sinn a steach do’n bhaile. 13 Agus fhreagair aon d’a sheirbhisich, agus thubhairt e, Gabhar a nis cùig do na h-eachaibh a tha air am fàgail, a dh’fhan anns a’ bhaile, (feuch, tha iad mar uile shluagh Israeil (3) d’an do chuireadh as) agus cuireamaid teachdairean uainn agus faiceamaid. 14 Ghabhadh uime sin dà each carbaid (4), agus chuir an righ teachdairean an déigh feachd nan Sirianach, ag ràdh, Rachaibh agus faicibh. 15 Agus chaidh iad ’nan déigh gu ruig Iordan, agus feuch, bha’n t-slighe uile làn do eudach, agus do shoithichibh, a thilg na Sirianaich uatha ’nan cabhaig: agus phill na teachdairean, agus dh’innis iad do’n righ. 16 Agus chaidh an sluagh a mach, agus chreach iad camp (5) nan Sirianach: agus reiceadh tomhas do mhin mhìn air shecel, agus dà thomhas eorna air shecel, a réir focail an Tighearna. 17 Agus chuir an righ cùram a’ gheataidh air a’ cheannard, a leig e a thaic air a làimh: agus shaltair an sluagh air anns a’ gheatadh, agus dh’eug e; mar a thubhairt an duine le Dia, a labhair an uair a thàinig an righ a nuas d’a ionnsuidh. 18 Agus thachair e, mar a labhair an duine le Dia ris an righ, ag ràdh, Bithidh dà thomhas eorna air shecel, agus tomhas do mhin mhìn air shecel, mu’n tràth so am màireach ann an geatadh Shamaria: 19 Agus fhreagair an ceannard sin an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch a nis, ge do dheanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhaibh, am feudadh a leithid so do ni a bhi? agus thubhairt esan, Feuch, chi thu le d’ shùilibh e, ach cha’n ith thu dheth. (1) dorsair. (2) ghlaodh e ris na dorsairibh. (3) mar uile shluagh Israeil a dh’fhàgadh ann; feuch, tha mi ’g ràdh, tha iad mar uile shluagh Israeil. (4) dà charbad le’n eachaibh. (5) bùthan. [TD 277] II. RIGH. CAIB. VIII. 20 Eadhon mar sin thachair e dha: oir shaltair an sluagh air anns a’ gheatadh, agus dh’eug e. CAIB. VIII. AN SIN labhair Elisa ris a’ mhnaoi, d’an d’ath-bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge b’e àit am feud thu bhi air chuairt: oir ghairm an Tighearn air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè sheachd bliadhna. 2 Agus dh’éirich a’ bhean, agus rinn i a réir focail an duine le Dia: agus dh’fhalbh i féin agus a teaghlach, agus bha i air chuairt ann an tìr nam Philisteach rè sheachd bliadhna. 3 Agus aig ceann nan seachd bliadhna, phill a’ bhean a tìr nam Philisteach: agus chaidh i mach a ghairm air an righ air son a tighe, agus air son a fearainn. 4 Agus labhair an righ re Gehasi òglach an duine le Dia, ag ràdh, Innis dhomh, guidheam ort, na nithe mòra uile a rinn Elisa. 5 Agus an uair a bha e ag innseadh do’n righ mar a dh’ath-bheothaich e neach a bha marbh, feuch, ghlaodh a’ bhean d’an d’ath-bheothaich e a mac, ris an righ air son a tighe, agus air son a fearainn. Agus thubhairt Gehasi, Mo thighearn, a righ, so a’ bhean, agus so a mac, a dh’ath-bheothaich Elisa. 6 Agus an uair a dh’fheòraich an righ do’n mhnaoi, dh’innis i dha. Agus dh’orduich an righ dh’i maor àraidh, ag ràdh, Thoir air ais gach ni bu leatha, agus uile thoradh an fhearainn o’n là a dh’fhàg i an tìr, eadhon gus a nis. 7 Agus thàinig Elisa gu Damascus, agus bha Ben-hadad righ Shiria tinn, agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Thàinig an duine le Dia an so. 8 Agus thubhairt an righ re Hasael, Gabh ann ad làimh tiodhlacadh, agus falbh an coinneamh an duine le Dia, agus fiosraich do’n Tighearna leis, ag ràdh, An d’thig mi beo o’n tinneas so? 9 Agus dh’fhalbh Hasael ’na choinneamh, agus ghabh e tiodhlacadh ’na làimh, eadhon do gach ni maith a bha’n Damascus, eire (1) dhà fhichead chàmhal: agus thàinig e, agus sheas e ’na làthair, agus thubhairt e, Chuir do mhac Ben-hadad, righ Shiria, mise a t’ ionnsuidh, ag ràdh, An d’thig mi beo o’n tinneas so? 10 Agus thubhairt Elisa ris, Falbh, abair ris, Feudaidh tu gun teagamh teachd uaith: gidheadh, nochd an Tighearna dhomhsa gu’m faigh e gu cinnteach bàs. 11 Agus shocraich e a ghnùis gu seasmhach, gus an robh nàire air: agus ghuil an duine le Dia. 12 Agus thubhairt Hasael, C’ar son a tha mo thighearn a’ gul? Agus fhreagair esan, A chionn gu bheil fios agam air an olc a ni thusa do chloinn Israeil: an daingneacha làidir cuiridh tu re theine, agus an daoine òga marbhaidh tu leis a’ chlaidheamh, agus an clann bheag bruthaidh tu (2), agus am (1) eallach, luchd. (2) buailidh tu ris an làr. [TD 278] II. RIGH. CAIB. VIII. mnathan torrcha reubaidh tu suas. 13 Agus thubhairt Hasael, Ach ciod, an cù do sheirbhiseach, gu’n deanadh e an ni mòr so? Agus fhreagair Elisa, Nochd an Tighearna dhomhsa gu’m bi thu a’d’ righ air Siria. 14 Agus dh’fhalbh e o Elisa, agus thàinig e dh’ionnsuidh a thighearna, a thubhairt ris, Ciod a thubhairt Elisa riut? Agus fhreagair esan, Dh’innis e dhomh gu’n d’thig thu gu cinnteach o’n tinneas so. 15 Agus air an la màireach ghabh e eudach tiugh, agus thum e ann an uisge e, agus sgaoil e air aghaidh e, air chor as gu’n d’fhuair e bàs: agus rìoghaich Hasael ’na àit. 16 Agus anns a’ chùigeadh bliadhna do Ioram mac Ahaib, righ Israeil (1), thòisich Iehoram, mac Iehosaphait righ Iudah, air rìoghachadh. 17 Dà bhliadhna dheug thar fhichead a dh’aois bha e ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e ochd bliadhna ann an Ierusalem. 18 Agus ghluais e ann an slighe righrean Israeil, mar a rinn tigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib ’na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna. 19 Gidheadh cha b’àill leis an Tighearn Iudah a sgrios, air sgàth Dhaibhidh òglaich, mar a gheall e dha solus (2) a thabhairt da féin agus d’a mhacaibh an còmhnuidh. 20 ’Na laithibh-san dh’éirich Edom (3) o bhi fuidh làimh Iudah, agus rinn iad righ os an cionn féin. 21 Agus chaidh Ioram thairis gu Sair, agus na carbadan uile maille ris; agus dh’éirich e san oidhche, agus bhuail e na h-Edomaich a bha mu’n cuairt air, agus ceannarda nan carbad: agus theich an sluagh d’am bùthaibh. 22 Gidheadh dh’éirich Edom o bhi fuidh làimh Iudah gus an la’n diugh: agus dh’éirich Libnah san àm cheudna. 23 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ioraim, agus gach ni a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 24 Agus choidil Ioram maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh: agus rìoghaich Ahasiah a mhac ’na àit. 25 Anns an dara bliadhna deug do Ioram mac Ahaib, righ Israeil, thòisich Ahasiah mac Iehoraim, righ Iudah, air rìoghachadh. 26 Dà bhliadhna thar fhichead a dh’aois bha Ahasiah an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri (4) righ Israeil. 27 Agus ghluais e ann an slighe tighe Ahaib, agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, mar a rinn tigh Ahaib: oir bu chliamhuin do thigh Ahaib e. (1) righ Israeil, ’nuair a bha Iehosaphat ’na righ air Iudah. (2) lòchran. (3) rinn Edom ar’ a mach. (4) nighean Ahaib, mhic Omri. Faic I. Righ. C. XVI. r. 28. [TD 279] II. RIGH. CAIB. IX. 28 Agus chaidh e maille re Ioram mac Ahaib, gu cogadh an aghaidh Hasaeil righ Shiria ann an Ramot-gilead, agus lot na Sirianaich Ioram. 29 Agus chaidh righ Ioram air ais gu bhi air a leigheas ann an Iesreel o na lotaibh a thug na Sirianaich dha ann an Ramot, an uair a chog e an aghaidh Hasaeil righ Shiria: agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, righ Iudah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu’n robh e tinn. CAIB. IX. AGUS ghairm Elisa am fàidh air aon do mhacaibh nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an corn olaidh so ann do làimh, agus imich gu Ramot-gilead. 2 Agus an uair a thig thu ’n sin, seallaidh tu an sin air son Iehu mhic Iehosaphait, mhic Nimsi; agus théid thu a stigh, agus bheir thu air éirigh suas o mheasg a bhràithre, agus bheir thu e do sheòmar-cùil: 3 Agus gabhaidh tu an corn olaidh, agus taomaidh tu air a cheann e, agus their thu, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Dh’ung mi thu a’d’ righ air Israel: an sin fosgailidh tu an dorus, agus teichidh tu, agus cha ’n fhan thu. 4 Agus dh’imich an t’òganach (1) am fàidh, gu Ramot-gilead. 5 Agus an uair a thàinig e, feuch, bha ceannardan an t-slòigh ’nan suidhe, agus thubhairt e, Tha ni agam re ràdh riut (2), a cheannaird. Agus thubhairt Iehu, Cia ris dhinn uile? Agus thubhairt esan, Riut-sa, a cheannaird. 6 Agus dh’éirich e, agus chaidh e steach do’n tigh, agus thaom e an oladh air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa a’d’ righ air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel. 7 Agus buailidh tu tigh Ahaib do thighearna, agus dìolaidh mise fuil mo sheirbhiseacha nam fàidh, agus fuil uile sheirbhiseacha an Tighearna, air làimh Iesebeil. 8 Agus sgriosar tigh Ahaib uile, agus gearraidh mi as o Ahab esan a ni uisge re balladh, agus esan a dhruidear suas agus a dh’fhàgar ann an Israel. 9 Agus ni mi tigh Ahaib mar thigh Ieroboaim mhic Nebait, agus mar thigh Bhaasa mhic Ahiah. 10 Agus ithidh na madraidh Iesebel ann an cuibhrionn Iesreeil, agus cha bhi neach air bith ann a dh’adhlaiceas i. Agus dh’fhosgail e ’n dorus, agus theich e. 11 An sin thàinig Iehu a mach a dh’ionnsuidh sheirbhiseacha a Thighearna, agus thubhairt iad (3) ris, Am bheil gach ni gu maith? c’ar son a thàinig am fear cuthaich so a t’ ionnsuidh? Agus thubhairt esan riu, Is aithne dhuibh an duine, agus a chainnt. 12 Agus thubhairt iadsan, Is breug e; innis dhuinn a nis. A- (1) an t-òganach, eadhon an t-òganach. (2) Tha gnothuch agam riut. (3) thubhairt neach. [TD 280] II. RIGH. CAIB. IX. gus thubhairt esan, Mar so agus mar so labhair e rium, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Dh’ung mi thu a’d’ righ air Israel. 13 An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh fhalluing (1), agus chuir iad fuidhe i air mullach na staidhreach (2), agus shéid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an righ. 14 Uime sin rinn Iehu mac Iehosaphait, mhic Nimsi, ceannairc (3) an aghaidh Ioraim (a nis bha Ioram a’ gleidheadh Ramot-gilead, e féin agus Israel uile, an aghaidh Hasaeil righ Shiria. 15 Ach phill righ Ioram gu bhi air a leigheas ann an Iesreel o na lotaibh a thug na Sirianaich dha, ’nuair a chog e re Hasael righ Shiria.) Agus thubhairt Iehu, Ma’s e bhur toil e, na rachadh neach air bith a mach, agus na teicheadh e as a’ bhaile, gu dol g’a innseadh ann an Iesreel. 16 Agus mharcaich Iehu ann an carbad, agus chaidh e gu Iesreel; oir bha Ioram ’na luidhe an sin: agus thàinig Ahasiah righ Iudah a nuas a dh’fhaicinn Ioraim. 17 Agus sheas fear-faire air an tùr ann an Iesreel, agus chunnaic e buidheann (4) Iehu ’nuair a bha e a’ teachd, agus thubhairt e, Tha mi faicinn buidhne. Agus thubhairt Ioram, Gabh marcach, agus cuir ’nan coinneamh e, agus abradh e, An sìth a th’ann? 18 Agus chaidh fear a’ marcachd air each ’na choinneamh, agus thubhairt e, Mar so tha’n righ ag ràdh, An sìth a th’ann? Agus thubhairt Iehu, Ciod do ghnothuch-sa re sìth? tionndaidh air mo chùlaobh. Agus dh’innis am fear-faire, ag ràdh, Thàinig an teachdaire d’an ionnsuidh, ach cha ’n’eil e teachd air ais. 19 Agus chuir e uaith fear eile a’ marcachd air each, agus thàinig e d’an ionnsuidh, agus thubhairt e, Mar so tha’n righ ag ràdh, An sìth a th’ann? Agus fhreagair Iehu, Ciod do ghnothuch-sa re sìth? tionndaidh air mo chùlaobh. 20 Agus dh’innis am fear-faire, ag ràdh, Thàinig e eadhon d’an ionnsuidh, agus cha ’n’eil e teachd air ais: agus tha’n siubhal cosmhuil re siubhal Iehu mhic Nimsi (5); oir tha e a’ siubhal gu dian. 21 Agus thubhairt Ioram, Ulluich (6). Agus dh’ulluich e a charbad. Agus chaidh Ioram righ Israeil, agus Ahasiah righ Iudah, a mach gach fear dhiubh ’na charbad, agus chaidh iad a mach an coinneamh (7) Iehu, agus thachair iad air ann an cuibhrionn Naboit an Iesreelich. 22 Agus an uair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An sìth a th’ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t-sìth, fhad ’s a bhios strìopachas Iesebeil do mhàthar, agus a druidheachda co lìonmhor? 23 An sin thionndaidh Ioram a làmhan agus theich e, agus thubhairt e re Ahasiah, Tha feall ann, O Ahasiah. (1) a bhrat. (2) nan ceum. (3) coimh-chealg. (4) cuideachd. (5) Iehu mhic Iehosaphait, mhic Nimsi. Faic r. 2. (6) Beartaich. (7) an aghaidh. [TD 281] II. RIGH. CAIB. IX. 24 Agus tharruing Iehu bogha le uile neart, agus bhuail e Iehoram eadar a ghairdeana, agus chaidh an t-saighead a mach troimh a chridhe, agus chrom e sìos ’na charbad. 25 An sin thubhairt Iehu re Bidcar a cheannard, Tog agus tilg e ann an cuibhrionn fearainn Naboit an Iesreelich: oir is cuimhne leam (1), an uair a bha mise agus thusa a’ marcachd cuideachd an déigh Ahaib athar, gu’n do chuir an Tighearn an eallach so air (2). 26 Gu cinnteach chunnaic mi an dé fuil Naboit, agus fuil a mhac, ars’ an Tighearna, agus dìolaidh mi ort anns a chuibhrionn (3) so, ars’ an Tighearn. A nis ma ta tog agus tilg e anns a’ chuibhrionn fhearainn, a réir focail an Tighearna. 27 Agus an uair a chunnaic Ahasiah righ Iudah so, theich e rathad tighe an lios (4): agus lean Iehu ’na dhéigh, agus thubhairt e, Buailibh esan mar an ceudna ’na charbad. Agus bhuail iad e aig uchdaich Ghuir, a tha làimh re Ibleam: agus theich e gu Megido, agus fhuair e bàs an sin. 28 Agus thug a sheirbhisich leo e ann an carbad gu h-Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e ’na àit-adhlacaidh, maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh. 29 Agus anns an aon bhliadhna deug do Ioram mac Ahaib, thòisich Ahasiah air rìoghachadh os cionn Iudah. 30 Agus an uair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e, agus chuir i dath mu a sùilibh (5), agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i mach air uinneig. 31 Agus an uair a bha Iehu a’ teachd a stigh air a’ gheatadh, thubhairt i, An robh sìth aig Simri, a mharbh a thighearna? 32 Agus thog esan aghaidh suas a dh’ionnsuidh na h-uinneige, agus thubhairt e, Cò a ta leamsa, cò? agus dh’amhairc a mach air dithis no triuir do chaillteanachaibh. 33 Agus thubhairt e, Tilgibh a nuas i. Agus thilg iadsan sìos i; agus chrathadh cuid d’a fuil air a’ bhalladh, agus air na h-eachaibh, agus shaltair iad (6) fa ’n cosaibh i. 34 Agus chaidh e stigh, agus dh’ith agus dh’òl e, agus thubhairt e, Rachaibh a nis a dh’fhaicinn na mnà mallaichte sin, agus adhlaicibh i; oir is nighean righ i. 35 Agus chaidh iad g’a h-adhlacadh, ach cha d’fhuair iad dith ach an cloigeann, agus na cosan, agus basan a làmh. 36 Agus phill iad, agus dh’innis iad da: agus thubhairt esan, Is e so focal an Tighearna, a labhair e le làimh òglaich Eliah an Tisbithich, ag ràdh, Ann an cuibhrionn Iesreeil, ithidh na madraidh feoil Iesebeil: 37 Agus bithidh closach Iesebeil mar aolach air aghaidh an fhearainn ann an cuibhrionn Iesreeil, air chor as nach abair iad, Is i so Iesebel. (1) cuimhnich. (2) gu’n do chuir an Tighearn an céill an fhàisneachd so ’na aghaidh. (3) bhall, àite, achadh. (4) a’ ghàraidh. (5) chuir i lìth air a h-aghaidh; chuir i a sùilean ann an dath. Eabh. (6) shaltair e. [TD 282] II. RIGH. CAIB. X. CAIB. X. AGUS bha aig Ahab deich agus tri fichead mac ann an Samaria. Agus scrìobh Iehu litrichean, agus chuir e do Shamaria iad, a dh’ionnsuidh uachdrana Iesreeil (1), a dh’ionnsuidh nan seanair, agus d’an ionnsuidh-san a thog clann Ahaib, ag ràdh, 2 A nis an uair a thig an litir so d’ar n-ionnsuidh, o tha mic bhur tighearna maille ribh, agus carbaid agaibh, agus eich, agus baile daingnichte, agus airm: 3 Amhaircibh a mach eadhon air a shon-san a’s fearr agus a’s iomchuidh do mhacaibh bhur tighearna, agus cuiribh e air righ-chathair athar, agus cogaibh air son tighe bhur tighearna. 4 Ach bha eagal ro-mhòr orra-san, agus thubhairt iad, Feuch, cha do sheas dà righ roimhe, agus cionnus a sheasas sinne? 5 Agus chuir esan a bha os cionn an tighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus ni sinn gach ni a dh’iarras tu oirn; cha dean sinn righ air bith: an ni a ta taitneach a’d’ shùilibh-sa, dean e. 6 Agus scrìobh e d’an ionnsuidh litir an daradh uair, ag ràdh, Ma’s leamsa sibh, agus ma dh’éisdeas sibh re m’ ghuth, gabhaibh cinn mhac (2) bhur tighearna, agus thigibh a m’ ionnsuidh-sa mu’n tràth so am màireach gu Iesreel (a nis bha mic an righ, deich agus tri fichead fear, maille re daoinibh mòra a’ bhaile a thog iad). 7 Agus an uair a thàinig an litir d’an ionnsuidh, ghabh iad mic an righ, agus mharbh iad deich agus tri fichead fear, agus chuir iad an cinn ann am bascaidibh, agus chuir iad d’a ionnsuidh iad gu Iesreel. 8 Agus thàinig teachdaire, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Thug iad leo cinn mhac an righ. Agus thubhairt esan, Cuiribh iad ’nan dà dhùn aig dol a stigh a’ gheataidh gu maduinn. 9 Agus anns a’ mhaduinn chaidh e mach agus sheas e, agus thubhairt e ris an t-sluagh uile, Tha sibhse ionraic: feuch, rinn mise ceannairc an aghaidh mo thighearna, agus mharbh mi e; ach cò a bhuail iad so uile? 10 Biodh fios agaibh a nis, nach tuit lide do fhocal an Tighearna gu làr, a labhair an Tighearna mu thigh Ahaib; oir rinn an Tighearn an ni sin a labhair e le làimh a sheirbhisich Eliah. 11 Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair do thigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd-daimh, agus a shagairt, gus nach d’fhàg e duine beo (3) aige. 12 Agus dh’éirich e, agus dh’imich e, agus chaidh e do Shamaria. Agus an uair a bha e aig tigh-bearraidh nam buachaillean (4) air an t-slighe, 13 Thachair Iehu air bràith- (1) uachdarana Shamaria. (2) nan daoine eadhon mhac. Eabh. (3) a mhair. (4) nan aodhair. [TD 283] II. RIGH. CAIB. X. ribh Ahasiah righ Iudah, agus thubhairt e, Cò sibhse? Agus thubhairt iadsan, Is sinne bràithrean Ahasiah, agus tha sinn a’ dol sìos a chur fàilte air cloinn an righ, agus air cloinn na ban-righinn (1). 14 Agus thubhairt esan, Glacaibh beo iad. Agus ghlac iad beo iad, agus mharbh siad iad aig slochd an tigh-bhearraidh, dà fhichead agus dithis fear; agus cha d’fhàg e duine beo dhiubh. 15 Agus an uair a dh’fhalbh e as sin, thachair e air Iehonadab mac Rehaib a’ teachd ’na choinneamh, agus chuir e fàilte air, agus thubhairt e ris, Am bheil do chridhe-sa dìreach (2), mar a tha mo chridhe-sa le d’ chridhe-sa? Agus thubhairt Iehonadab, Tha. Ma tha, ars’ esan, thoir dhomh do làmh. Agus thug e dha a làmh, agus thog e suas e d’a ionnsuidh do’n charbad. 16 Agus thubhairt e, Thig maille riumsa, agus faic m’eud air son an Tighearna. Agus thug e (3) air marcachd ’na charbad. 17 Agus thàinig e do Shamaria, agus bhuail e iadsan uile a mhair do Ahab ann an Samaria, gus an do sgrios se e, a réir focail an Tighearna, a labhair e re Eliah. 18 Agus chruinnich Iehu an sluagh uile, agus thubhairt e riu, Rinn Ahab beagan seirbhis do Bhaal, ach ni Iehu mòran seirbhis dha. 19 A nis ma ta gairmibh a m’ ionnsuidh-sa fàidhean Bhaail uile, a sheirbhisich uile, agus a shagairt uile; na biodh duine dhiubh air chall (4); oir tha ìobairt mhòr agam r’a deanamh do Bhaal: ge b’e neach a bhios air chall, cha mhair e beo. Ach rinn Iehu so ann an seòltachd, a chum gu’n sgriosadh e luchd-aoraidh Bhaail. 20 Agus thubhairt Iehu, Gairmibh féill (5) naomha do Bhaal. Agus ghairm iad i. 21 Agus chuir Iehu fios air feadh Israeil uile, agus thàinig uile luchd-aoraidh Bhaail; cha d’fhàgadh duine dhiubh nach d’thàinig: agus chaidh iad a steach do thigh Bhaail, agus lìonadh tigh Bhaail o cheann gu ceann. 22 Agus thubhairt e ris-san a bha os cionn seòmair nan culaidh, Thoir a mach culaidhean do uile luchd-aoraidh Bhaail. Agus thug e mach dhoibh culaidhean. 23 Agus chaidh Iehu agus Iehonadab mac Rehaib a steach do thigh Bhaail, agus thubhairt e re luchd-aoraidh Bhaail, Rannsaichibh agus faicibh nach bi an so maille ribh neach air bith do sheirbhisich an Tighearna, ach luchd-aoraidh Bhaail a mhàin. 24 Agus an uair a chaidh iad a steach a thoirt suas ìobairtean agus thabhartasa-loisgte, shuidhich Iehu ceithir fichead fear leis a muigh, agus thubhairt e, Ma théid fear air bith as do na daoinibh a thug mise thairis d’ar làimh, théid anam an neach a leigeas as e air son anma-san. 25 Agus co-luath agus a chuir e crìoch air an ìobairt- (1) ban-righ. (2) Am bheil do chridhe-sa dìreach le m’ chridhe-sa. (3) iad. (4) air ionndruin. (5) féisd, comh-chruinneachadh. [TD 284] II. RIGH. CAIB. XI. loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardaibh, Rachaibh a steach, buailibh iad, na d’thigeadh duine dhiubh mach. Agus bhuail siad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a mach iad; agus chaidh iad gu baile tighe Bhaail. 26 Agus thug iad a mach na dealbhan a tigh Bhaail, agus loisg siad iad. 27 Agus bhris iad sìos dealbh Bhaail, agus bhris iad sìos tigh Bhaail, agus rinn iad e ’na thigh-salchair gus an la’n diugh. 28 Mar so sgrios Iehu Baal a mach a h-Israel. 29 Gidheadh re peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, cha do dhealaich Iehu, eadhon ris na laoghaibh òir a bha ann am Betel, agus a bha ann an Dan. 30 Agus thubhairt an Tighearna re Iehu, A chionn gu’n do rinn thu gu maith anns an ni sin a dheanamh a tha ceart ann mo shùilibh-sa, agus gu’n d’rinn thu re tigh Ahaib a réir gach ni a bha ann am chridhe-sa, suidhidh do mhic do’n cheathramh ginealach air righ-chathair Israeil. 31 Ach cha d’thug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dé Israeil le uile chridhe; oir cha do dhealaich e re peacaibh Ieroboaim, a thug air Israel peacachadh. 32 Anns na laithibh sin thòisich an Tighearn air Israel a ghearradh goirid: agus bhuail Hasael iad ann an uile chrìochaibh Israeil; 33 O Iordan a làimh na h-airde ’n ear, fearann Ghilead uile, na Gadaich, agus na Reubenich, agus na Manasaich, o Aroer (a tha làimh re sruth (1) Arnoin) eadhon Gilead agus Basan. 34 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehu, agus gach ni a rinn e, agus a thréine uile, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 35 Agus choidil Iehu maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria: agus rìoghaich Iehoahas a mhac ’na àit. 36 Agus b’i ’n ùin’ a rìoghaich Iehu os cionn Israeil ann an Samaria, ochd bliadhna fichead. CAIB. XI. AGUS an uair a chunnaic Ataliah màthair Ahasiah gu’n robh a mac marbh, dh’éirich i, agus sgrios i an sliochd rìoghail uile. 2 Ach ghabh Iehoseba nighean righ Ioraim, piuthar Ahasiah, Ioas mac Ahasiah, agus ghoid i e a measg mhac an righ a mharbhadh, agus chuir i e féin agus a bhan-altrum ann an seòmar nan leapaiche (2): agus dh’fholaich iad e o Ataliah (3), air chor as nach do mharbhadh e. 3 Agus bha e maille ria am folach ann an tigh an Tighearna rè shè bliadhna: agus rìoghaich Ataliah os cionn na tìre. 4 Agus air an t-seachdamh bliadhna chuir Iehoiada fios uaith, agus ghabh e iadsan a (1) abhainn. (2) Faic II. Eachdr. Caib. XXII. r. II. (3) o ghnùis Ataliah. Eabh. [TD 285] II. RIGH. CAIB. XI. bha os cionn cheudan (1), agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus thug e steach d’a ionnsuidh iad do thigh an Tighearna, agus rinn e coi’-cheangal riu, agus ghabh e mionnan diubh ann an tigh an Tighearna, agus dh’fheuch e dhoibh mac an righ. 5 Agus dh’àithn e dhoibh, ag ràdh, So an ni a ni sibh: Bithidh an treas cuid dhibhse a théid a steach air an t-sàbaid, a’ gleidheadh faire tighe an righ. 6 Agus bithidh trian aig geatadh Shuir, agus trian aig a’ gheatadh air cùlaobh an fhreiceadain: mar so gleidhidh sibh faire an tighe, a chum nach brisear a steach air (2). 7 Agus gleidhidh dà chuid dhibhse uile a théid a mach air an t-sàbaid, gleidhidh eadhon iadsan faire tighe an Tighearna mu’n cuairt air an righ. 8 Agus cuairtichidh sibh an righ air gach taobh, gach fear le airm ’na làimh: agus esan a thig an taobh a stigh do na sreathaibh (3), marbhar e; agus bithibhse maille ris an righ ’nuair a théid e mach, agus an uair a thig e steach. 9 Agus rinn na ceannarda-cheud a réir gach ni a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear dhiubh a dhaoine a bha dol a steach air an t-sàbaid, maille riutha-san a bha dol a mach air an t-sàbaid, agus thàinig iad a dh’ionnsuidh Iehoiada an t-sagairt. 10 Agus thug an sagart do na ceannardaibh-cheud sleaghanna agus sgiathan righ Daibhidh, a bha ann an tigh (4) an Tighearna. 11 Agus sheas am freiceadan, gach fear le airm ’na làimh, mu’n cuairt air an righ, o thaobh (5) deas an tighe gu ruig taobh cli an tighe, làimh ris an altair agus an tigh. 12 Agus thug e mach mac an righ, agus chuir e ’n crùn air, agus thug e dha an fhianuis, agus rinn iad ’na righ e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basa, agus thubhairt iad, Gu ma fada beo an righ. 13 Agus an uair a chual Ataliah fuaim an t-sluaigh a’ ruith cuideachd (6), thàinig i dh’ionnsuidh an t-sluaigh, a steach do thigh an Tighearna. 14 Agus an uair a dh’amhairc i, feuch, sheas an righ làimh re post, mar bu ghnàth, agus na h-uachdarain, agus na trompadairean làimh ris an righ, agus rinn sluagh na tìre uile gairdeachas, agus shéid iad le trompaidibh: agus reub Ataliah a h-eudach, agus dh’éigh i, Feall, feall. 15 Ach dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardaibh-cheud, a chuireadh os cionn an t-slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a mach i an taobh a muigh do na sreathaibh; agus ge b’e neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuirear gu bàs i ann an tigh an Tighearna. 16 Agus thug iad comas d’i (7), agus dh’imich i air an t-slighe air an d’thig na h-eich gu tigh an righ, agus mharbhadh an sin i. (1) na ceannardan-cheud. (2) a chum nach brisear sìos e. (3) rangaibh. (4) teampull. (5) oisinn, ghualainn. (6) fuaim an fhreiceadain agus an t-sluaigh. (7) chuir iad làmh innte. [TD 286] II. RIGH. CAIB. XII. 17 Agus rinn Iehoiada coi’-cheangal eadar an Tighearn agus an righ agus an sluagh, gu’m biodh iad ’nan sluagh aig an Tighearna; mar an ceudna eadar an righ agus an sluagh. 18 Agus chaidh sluagh na tìre uile a steach do thigh Bhaail, agus leag iad sìos e; altairean agus a dhealbhan bhris iad gu tur; agus mharbh iad Matan sagart Bhaail fa chomhair nan altair: agus chuir an sagart luchd-riaghlaidh (1) os cionn tighe an Tighearna. 19 Agus ghabh e iadsan a bha os cionn cheudan, agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus sluagh na tìre uile, agus thug iad a nuas an righ o thigh an Tighearna, agus thàinig iad rathad geataidh an fhreiceadain gu tigh an righ: agus shuidh e air cathair nan righ. 20 Agus rinn sluagh na tìre uile gairdeachas, agus bha ’m baile sàmhach: agus mharbh iad Ataliah leis a’ chlaidheamh làimh re tigh an righ. 21 Seachd bliadhna dh’aois bha Iehoas an uair a thòisich e air rìoghachadh. CAIB. XII. ANNS an t-seachdamh bliadhna do Iehu thòisich Iehoas air rìoghachadh, agus rìoghaich e dà fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibiah o Bheer-seba. 2 Agus rinn Iehoas an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna rè a làithean uile, anns an do theagaisg Iehoiada an sagart e. 3 Ach cha d’thugadh air falbh na h-àitean arda: bha ’n sluagh fathast ag ìobradh, agus a’ losgadh tùis anns na h-àitibh arda. 4 Agus thubhairt Iehoas ris na sagartaibh, Uile airgiod nan nithe coisrigte a bheirear a steach do thigh an Tighearna, airgiod gach duin’ a théid seachad san àireamh, airgiod meas (2) gach duine, an t-airgiod uile a thig e ann an cridhe duine sam bith a thoirt a steach do thigh an Tighearna, 5 Gabhadh na sagairt d’an ionnsuidh e, gach duine o fhear-eòlais, agus càireadh iad briseadh an tighe, eadhon gach briseadh a gheibhear ann. 6 Gidheadh, anns an treas bliadhna fichead do righ Iehoas, cha do chàirich na sagairt briseadh an tighe. 7 An sin ghairm righ Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartaibh eile, agus thubhairt e riu, C’arson nach ’eil sibh a’ càradh brisidh an tighe? a nis ma ta na gabhaibh airgiod tuilleadh o luchd bhur n-eòlais, ach thugaibh air son brisidh an tighe e. 8 Agus dh’aontaich na sagairt gun airgiod a ghabhail tuilleadh o’n t-sluagh, agus gun bhriseadh an tighe a chàradh. 9 Ach ghabh Iehoiada an sagart ciste, agus rinn e toll ’na h-uachdar (3), agus chuir e i re taobh na h-altarach air an làimh dheis, mar a thig duine a steach do thigh an Tighearna: agus ann an sin chuir na sagairt a bha gleidheadh an doruis, an (1) luchd-frithealaidh. (2) airgiod meas anma. Eabh. (3) ’na clàr-beoil. [TD 287] II. RIGH. CAIB. XIII. t-airgiod uile a thugadh a steach do thigh an Tighearna. 10 Agus an uair a chunnaic iad gu’n robh mòran airgid anns a’ chiste, chaidh scrìobhuich an righ suas, agus an t-ard shagart, agus cheangail iad suas, agus dh’àireamh iad an t-airgiod a fhuaradh ann an tigh an Tighearna. 11 Agus thug iad an t-airgiod an uair a dh’àirmheadh e ann an làimh nan daoine a rinn an obair, a chuireadh os cionn tighe an Tighearna; agus thug iadsan a mach e do na saoraibh, agus do’n luchd-togail, a rinn obair air tigh an Tighearna, 12 Agus do chlachairibh, agus do luchd-snaidhidh chlach, agus a cheannach fiodha agus chlacha snaidhte a chàradh brisidh tighe an Tighearna, agus airson gach ni a chuireadh a mach air an tigh g’a chàradh. 13 Gidheadh, cha d’rinneadh do thigh an Tighearna copain airgid, smàladairean, cuachan, trompaidean, soithichean òir air bith no soithichean airgid air bith, do’n airgiod a thugadh a steach do thigh an Tighearna. 14 Ach thug iad e do’n luchd-oibre, agus chàirich iad leis tigh an Tighearna. 15 Os bàrr, cha d’thug iad air na daoinibh, an làimh an d’thug iad an t-airgiod chum a thoirt do’n luchd-oibre, cunntas a thoirt seachad: oir rinn iadsan gu firinneach. 16 Cha d’thugadh an t-airgiod eusaontais agus an t-airgiod peacaidh a steach do thigh an Tighearna: bu leis na sagartaibh e. 17 An sin chaidh Hasael righ Shiria suas, agus chog e an aghaidh Ghat, agus ghlac se e: agus chuir Hasael aghaidh re dol suas gu h-Ierusalem. 18 Agus ghabh Iehoas righ Iudah na nithe coisrigte uile a choisrig Iehosaphat agus Iehoram agus Ahasiah aithriche, righrean Iudah, agus a nithe coisrigte féin, agus an t-òr uile a fhuaradh ann an ionmhasaibh tighe an Tighearna, agus tighe an righ, agus chuir e dh’ionnsuidh Hasaeil righ Shiria e, agus dh’imich e o h-Ierusalem. 19 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ioais, agus gach ni a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 20 Agus dh’éirich a sheirbhisich, agus rinn iad ceannairc, agus bhuail (2) iad Ioas ann an tigh Mhilo, a tha san dol sìos gu (3) Sila: 21 Oir bhuail Iosachar mac Shimeat, agus Iehosabad mac Shomair a sheirbhisich e, agus fhuair e bàs: agus dh’adhlaic iad e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh: agus rìoghaich Amasiah a mhac ’na àit. CAIB. XIII. ANNS an treas bliadhna fichead do Ioas mac Ahasiah righ Iudah, thòisich Iehoahas mac Iehu air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìoghaich e seachd bliadhna deug. 2 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, agus lean e peacanna Ieroboaim mhic Ne- (1) chuir iad ann am màladh, agus dh’àireamh iad. (2) mharbh. (3) a théid sìos gu. [TD 288] II. RIGH. CAIB. XIII. bait, a thug air Israel peacachadh: cha do dhealaich e riu. 3 Agus las fearg an Tighearn an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh Hasaeil righ Shiria, agus do làimh Bhen-hadaid mhic Hasaeil, rè a (1) làithean uile. 4 Agus ghuidh Iehoahas air an Tighearna, agus dh’éisd an Tighearna ris; oir chunnaic e foirneart (2) Israeil, oir rinn righ Shiria foirneart orra. 5 (Agus thug an Tighearna fear-saoraidh do Israel, agus chaidh iad a mach o bhi fuidh làimh nan Sirianach: agus ghabh clann Israeil còmhnuidh ’nam bùthaibh, mar a rinn iad roimhe. 6 Gidheadh, cha do dhealaich iad re peacaibh tighe Ieroboaim, a thug air Israel peacachadh, ach ghluais iad annta: agus dh’fhan an doire cuideachd ann an Samaria.) 7 Agus cha d’fhàgadh (3) aig Iehoahas do’n t-sluagh ach leth-cheud marcach agus deich carbaid, agus deich mìle coisiche; oir sgrios righ Shiria iad, agus rinn e iad mar an duslach (4) le bualadh. 8 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehoahais, agus gach ni a rinn e, agus a thréine (5), nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 9 Agus choidil Iehoahas maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria, agus rìoghaich Iehoas (6) a mhac ’na àit. 10 Anns an t-seachdamh bliadhna deug thar fhichead do Ioas righ Iudah thòisich Iehoas mac Iehoahais air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìoghaich e sè bliadhna deug. 11 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna: cha do dhealaich e re uile pheacaibh Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, ach ghluais e annta. 12 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ioais, agus gach ni a rinn e, agus a thréine leis an do chog e an aghaidh Amasiah righ Iudah, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 13 Agus choidil Ioas maille r’a aithrichibh, agus shuidh Ieroboam air a righ-chathair: agus dh’adhlaiceadh Ioas ann an Samaria maille re righribh Israeil. 14 A nis bha Elisa tinn d’a thinneas d’an fhuair e bàs, agus thàinig Ioas righ Israeil a nuas d’a ionnsuidh, agus ghuil e os a chionn (7), agus thubhairt e, O athair, athair, carbad Israeil agus a mharc-shluagh. 15 Agus thubhairt Elisa ris, Gabh bogha agus saighdean: agus ghabh e d’a ionnsuidh bogha agus saighdean. 16 Agus thubhairt e re righ Israeil, Cuir do làmh air a’ bhogha. Agus chuir e a làmh air; agus chuir Elisa a làmhan air làmhan an righ. 17 Agus thubhairt e, Fosgail an uinneag a làimh na h-àirde ’n ear: agus dh’fhosgail e i. (1) an. (2) sàruchadh, àmhghar. (3) cha d’fhàg e. (4) luaithre. (5) a ghaisge, a neart. (6) Ioas. (7) air aghaidh. Eabh. [TD 289] II. RIGH. CAIB. XIV. An sin thubhairt Elisa, Tilg: agus thilg esan. Agus thubhairt e, Saighead shaoraidh an Tighearna, agus saighead shaoraidh o (1) Shiria: oir buailidh tu na Sirianaich ann an Aphec, gus an cuir thu as doibh. 18 Agus thubhairt e, Gabh na saighdean: agus ghabh esan iad. Agus thubhairt e re righ Israeil, Buail air an talamh: agus bhuail e tri uairean, agus stad e. 19 Agus bha fearg air an duine le Dia ris, agus thubhairt e, Bu chòir dhuit bualadh cùig no sè uairean, an sin bhuaileadh tu Siria gus an cuireadh tu as dith: ach a nis buailidh tu Siria a mhàin tri uairean. 20 Agus fhuair Elisa bàs, agus dh’adhlaic iad e: agus thàinig buidhnean nam Moabach a stigh do’n tìr (2) aig teachd a steach na bliadhna. 21 Agus an uair a bha iad ag adhlacadh duine, feuch, chunnaic iad buidheann dhaoine, agus thilg iad sìos an duine do àit-adhlacaidh Elisa, agus an uair a leigeadh an duine sìos, agus a bhean e re cnàmhan Elisa, dh’ath-bheothaicheadh e, agus dh’éirich e air a chosaibh. 22 A nis rinn Hasael righ Shiria foirneart air Israel rè uile làithean Iehoahais. 23 Ach bha’n Tighearna bàigheil riu, agus ghabh e truas riu, agus dh’amhairc e orra air sgàth a choi’-cheangail re Abraham, Isaac, agus Iacob, agus cha b’àill leis an sgrios, cha mhò a thilg e as a làthair iad gus a nis. 24 Agus fhuair Hasael righ Shiria bàs, agus rìoghaich Ben-hadad a mhac ’na àit. 25 Agus thug Iehoas mac Iehoahais air an ais as làimh Bhen-hadaid mhic Hasaeil, na bailtean a thug esan as làimh Iehoahais athar anns a’ chogadh: tri uairean bhuail Iehoas (3) e, agus thug e air an ais bailtean Israeil. CAIB. XIV. ANNS an dara bliadhna do Iehoas (4) mac Iehoahais righ Israeil, rìoghaich Amasiah mac Ioais righ Iudah. 2 Cùig bliadhna fichead a dh’aois bha e ’n uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e naoi bliadhna fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem. 3 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna; ach cha b’ann cosmhuil re Daibhidh athair: a réir gach ni a rinn Ioas athair, rinn esan. 4 Ach cha d’thugadh air falbh na h-àitean arda: fathast bha’n sluagh ag ìobradh, agus a’ losgadh tùis air na h-àitibh arda. 5 A nis an uair a dhaingnicheadh an rìoghachd ’na làimh, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an righ athair. 6 Ach mic nam mortair (5) cha do mharbh e; mar a tha e scrìobhta ann an leabhar lagha Mhaois, anns an d’àithn an Tighearn, ag ràdh, Cha chuirear na h-aithriche gu bàs air son nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan aithriche: ach cuirear gach duine gu bàs air son a pheacaidh féin (6). (1) an aghaidh. (2) thug buidhnean nam Moabach ionnsuidh air an tìr. (3) Ioas. (4) Ioas. (5) nan daoine marbhta. (6) ’na pheacadh féin. Eabh. [TD 290] II. RIGH. CAIB. XIV. 7 Bhuail e do Edom ann an gleann an t-salainn deich mìle, agus ghlac e Selah anns a’ chogadh, agus thug e Iocteel mar ainm air gus an la’n diugh. 8 An sin chuir Amasiah teachdairean a dh’ionnsuidh Iehoais mhic Iehoahais, mhic Iehu righ Israeil, ag ràdh, Thig, seallamaid air a chéile san aghaidh. 9 Agus chuir Iehoas righ Israeil teachdairean a dh’ionnsuidh Amasiah righ Iudah, ag ràdh, Chuir am foghannan (1) a bha ann an Lebanon fios a dh’ionnsuidh an t-seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean do m’ mhac-sa ’na mnaoi: agus chaidh fiadh-bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am foghannan. 10 Bhuail thu gun amharus Edom, agus thog do chridhe suas thu: dean uaill a so, agus fan aig do thigh: oir c’ar son a bhiodh làmh agad ann an ni chum t’aimhleis, air chor as gu’n tuiteadh tu féin agus Iudah maille riut? 11 Ach cha d’éisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas righ Israeil suas, agus dh’amhairc e féin agus Amasiah righ Iudah air aghaidh a chéile aig Bet-semes, a bhuineas do Iudah. 12 Agus bhuaileadh Iudah roimh Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsuidh am bùthan. 13 Agus ghlac Iehoas righ Israeil Amasiah righ Iudah, mac Iehoais mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thàinig e gu h-Ierusalem, agus bhris e sìos balladh Ierusaleim, o gheatadh Ephraim gu geatadh na h-oisne, ceithir cheud làmh-choille. 14 Agus ghabh e an t-òr agus an t-airgiod uile, agus na soithichean (2) uile a fhuaradh ann an tigh an Tighearna, agus ann an ionmhasaibh tighe an righ, agus braighdean-gill (3), agus phill e gu Samaria. 15 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehoais a rinn e, agus a thréine, agus mar a chog e re Amasiah righ Iudah, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 16 Agus choidil Iehoas maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria maille re righribh Israeil, agus rìoghaich Ieroboam a mhac ’na àit. 17 Agus bha Amasiah mac Ioais righ Iudah, beo an déigh bàis Iehoais mhic Iehoahais righ Israeil, cùig bliadhna deug. 18 Agus a’ chuid do ghnìomharaibh Amasiah, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 19 Agus rinn iad ceannairc ’na aghaidh ann an Ierusalem, agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine ’na dhéigh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin. 20 Agus thug iad leo air eachaibh e: agus dh’adhlaiceadh e ann an Ierusalem maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh. 21 Agus ghabh sluagh Iudah uile Asariah (4), agus e sè bliadhna deug a dh’aois, agus rinn iad ’na righ e an àit athar Amasiah. 22 Thog esan Elat, agus (1) cluaran. (2) na h-innil, an t-uidheam. (3) hostages. Sasg. (4) Udsiah. [TD 291] II. RIGH. CAIB. XV. dh’aisig se (1) e do Iudah, an déigh do’n righ codal maille r’a aithrichibh. 23 Anns a’ chùigeadh bliadhna deug do Amasiah mac Ioais, righ Iudah, thòisich Ieroboam mac Ioais righ Israeil, air rìoghachadh ann an Samaria, agus rìoghaich e bliadhna agus dà fhichead. 24 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna: cha do dhealaich e re uile pheacaibh Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israeil peacachadh. 25 Dh’aisig e crìoch Israeil o dhol a steach Hamait gu ruig muir a’ chòmhnaird, a réir focail an Tighearna Dé Israeil, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ionah, mhic Amitai an fhàidh, a bha o Ghat-hepher. 26 Oir chunnaic an Tighearn àmhghar Israeil, gu’n robh e ro-shearbh; oir cha robh neach air bith air a dhruideadh suas, agus cha d’fhàgadh neach air bith, agus cha robh fear-còmhnaidh (2) ann aig Israel. 27 Agus cha dubhairt an Tighearna gu’n dubhadh e mach (3) ainm Israeil o bhi fuidh nèamh: ach shaor e iad le làimh Ieroboaim mhic Ioais. 28 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ieroboaim, agus gach ni a rinn e, agus a thréine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascus, agus Hamat, [bu le Iudah,] do Israel, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 29 Agus choidil Ieroboam maille r’a aithrichibh, maille re righribh Israeil; agus rìoghaich Sachariah a mhac ’na àit. CAIB. XV. ANNS an t-seachdamh bliadhna fichead do Ieroboam righ Israeil, thòisich Asariah (4) mac Amasiah righ Iudah air rìoghachadh. 2 Sè bliadhna deug a dh’aois bha e ’n uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e dà bhliadhna dheug agus dà fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecholiah o Ierusalem. 3 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, a réir gach ni a rinn Amasiah athair. 4 Gidheadh, cha d’thugadh air falbh na h-àitean arda: fathast bha ’n sluagh ag ìobradh, agus a’ losgadh tùis anns na h-àitibh arda. 5 Agus bhuail an Tighearn an righ, agus bha e ’na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnuidh ann an tigh air leth: agus bha Iotam mac an righ os cionn an tighe, a’ toirt breth air sluagh na tìre. 6 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Asariah, agus gach ni a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 7 Agus choidil Asariah maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh: agus rìoghaich Iotam a mhac ’na àit. 8 Anns an ochdamh bliadhna deug thar fhichead do Asariah righ Iudah, rìoghaich Sachariah mac Ieroboaim os cionn Israeil ann an Samaria sè mìosan. (1) thug e air ais. (2) fear-cuidich. (3) gu’n sgriosadh e. (4) Udsiah. [TD 292] II. RIGH. CAIB. XV. 9 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, mar a rinn aithriche: cha do dhealaich e re peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. 10 Agus rinn Salum mac Iabeis ceannairc ’na aghaidh, agus bhuail se e am fianuis an t-sluaigh, agus mharbh se e, agus rìoghaich e ’na àit. 11 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Shachariah, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil: 12 B’e so focal an Tighearna, a labhair e re Iehu, ag ràdh, Suidhidh do mhic air righ-chathair Israeil, gu ruig an ceathramh ginealach. Agus bha e mar sin. 13 Thòisich Salum mac Iabeis air rìoghachadh anns an naothadh bliadhna deug thar fhichead do Udsiah (1) righ Iudah, agus rìoghaich e mìos iomlan (2) ann an Samaria: 14 Oir chaidh Menahem mac Ghadi suas o Thirsah, agus thàinig e gu Samaria, agus bhuail e Salum mac Iabeis ann an Samaria, agus mharbh se e, agus rìoghaich e ’na àit. 15 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Shaluim, agus a’ cheannairc a rinn e, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil. 16 An sin bhuail Menahem Tiphsah, agus iadsan uile a bha ann, agus a chrìocha o Thirsah; a chionn nach d’fhosgail iad dha, uime sin bhuail se e: a mhnathan torrcha uile reub e suas. 17 Anns an naothadh bliadhna deug thar fhichead do Asariah righ Iudah thòisich Menahem mac Ghadi air rìoghachadh os cionn Israeil, agus rìoghaich e deich bliadhna ann an Samaria. 18 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna: cha do dhealaich e rè uile làithean re peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. 19 Agus thàinig Pul righ Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a chum as gu’m biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd ’na làimh. 20 Agus thog Menahem an t-airgiod o Israel, eadhon uatha-san uile a bha comasach ann an saibhreas, leth-cheud secel airgid o gach duine, chum a thabhairt do righ Asiria: agus phill righ Asiria air ais, agus cha d’fhan e ’n sin anns an tìr. 21 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Mhenaheim, agus gach ni a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 22 Agus choidil Menahem maille r’a aithrichibh; agus rìoghaich Pecahiah a mhac ’na àit. 23 Anns an deicheamh bliadhna agus dà fhichead do Asariah righ Iudah, thòisich Pecahiah mac Mhenaheim air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìoghaich e dà bhliadhna. 24 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna; cha do dhealaich e re peacaibh Iero- (1) Asariah. (2) mìos do laithibh. Eabh. [TD 293] II. RIGH. CAIB. XVI. boaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. 25 Ach rinn Pecah mac Remaliah, ceannard leis féin, ceannairc ’na aghaidh, agus bhuail se e ann an Samaria, ann an lùchairt tighe an righ, maille re Argob, agus re Arieh, agus maille ris leth-cheud fear do na Gileadaich: agus mharbh se e, agus rìoghaich e ’na àit. 26 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Phecahiah, agus gach ni a rinn e, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil? 27 Anns an dara bliadhna deug agus dà fhichead do Asariah righ Iudah, thòisich Pecah mac Remaliah air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìoghaich e fichead bliadhna. 28 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna; cha do dhealaich e re peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. 29 Ann an laithibh Phecah righ Israeil thàinig Tiglat-pileser righ Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianoah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e ’nam braighdibh iad gu Asiria. 30 Agus rinn Hosea mac Elah ceannairc an aghaidh Phecah mhic Remaliah, agus bhuail se e, agus mharbh se e, agus rìoghaich e ’na àit, anns an fhicheadamh bliadhna do Iotam mac Udsiah (1). 31 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Phecah, agus gach ni a rinn e, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Israeil. 32 Anns an dara bliadhna do Phecah mac Remaliah righ Israeil, thòisich Iotam mac Udsiah righ Iudah air rìoghachadh. 33 Cùig bliadhna fichead a dh’aois bha e ’n uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e sè bliadhna deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic. 34 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna: a réir nan uile nithe a rinn Udsiah athair, rinn esan. 35 Gidheadh cha d’thugadh air falbh na h-àitean arda: fathast bha ’n sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h-àitibh arda. Chuir e suas an geatadh a b’airde do thigh an Tighearna. 36 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iotaim, agus gach ni a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 37 (Anns na laithibh sin thòisich an Tighearn air Resin righ Shiria, agus Pecah mac Remaliah a chur an aghaidh Iudah.) 38 Agus choidil Iotam maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh athar: agus rìoghaich Ahas a mhac ’na àit. CAIB. XVI. SAN t-seachdamh bliadhna deug do Phecah mac Remaliah, thòisich Ahas mac Io- (1) Asariah. [TD 294] II. RIGH. CAIB. XVI. taim righ Iudah air rìoghachadh. 2 Fichead bliadhna dh’aois bha Ahas an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e sè bliadhna deug ann an Ierusalem; agus cha do rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearn a Dhé, mar a rinn Daibhidh athair. 3 Ach dh’imich e ann an slighe righrean Israeil, agus mar an ceudna thug e air a mhac dol troimh ’n teine, a réir ghràineileachd nan cinneach, a thilg an Tighearn a mach roimh chloinn Israeil. 4 Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h-àitibh arda, agus air na cnoic, agus fuidh gach craoibh uaine. 5 An sin thàinig Resin righ Shiria, agus Pecah mac Remaliah righ Israeil, a nìos gu h-Ierusalem a chogadh, agus theannaich iad Ahas, ach cha b’urrainn iad buaidh a thoirt air. 6 San àm sin choisinn Resin righ Shiria Elat air ais do Shiria, agus dh’fhògair e na h-Iudhaich a h-Elat: agus thàinig na Sirianaich do Elat, agus ghabh iad còmhnuidh ann gus an la ’n diugh. 7 Agus chuir Ahas teachdairean gu Tiglat-pileser righ Asiria, ag ràdh, Is mise t’òglach agus do mhac; thig a nìos agus saor mi a làimh righ Shiria, agus a làimh righ Israeil, a dh’éirich a’m’ aghaidh. 8 Agus ghabh Ahas an t-airgiod agus an t-òr a fhuaradh ann an tigh an Tighearna, agus ann an ionmhasaibh tighe an righ, agus chuir se e mar thiodhlacadh gu righ Asiria. 9 Agus dh’éisd righ Asiria ris; oir chaidh righ Asiria suas an aghaidh Dhamascuis, agus ghlac se e, agus thug e a shluagh leis am braighdeanas gu Cir, agus mharbh e Resin. 10 Agus chaidh righ Ahas an coinneamh Thiglat-pileseir righ Asiria gu Damascus, agus chunnaic e altair a bha ann an Damascus: agus chuir righ Ahas gu h-Uriah an sagart samhladh na h-altarach, agus a cumadh, a réir a h-uile oibre. 11 Agus thog Uriah an sagart altair a réir gach ni a chuir Ahas an righ o Dhamascus: mar sin rinn Uriah an sagart i air cheann do righ Ahas teachd o Dhamascus. 12 Agus an uair a thàinig an righ o Dhamascus, chunnaic an righ an altair: agus thàinig an righ am fagus do’n altair, agus dh’ìobair e oirre. 13 Agus loisg e a thabhartas-loisgte (1), agus a thabhartas-bìdh, agus thaom e a thabhartas-dibhe, agus chrath e fuil a thabhartasan-sìth air an altair. 14 Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ’m fianuis an Tighearna, o bheulaobh an tighe, o eadar an altair agus tigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h-altarach. 15 Agus dh’àithn righ Ahas do Uriah an sagart, ag ràdh, Air an altair mhòir loisg tabhartas-loisgte na maidne, agus tabhartas-bìdh an fheasgair, agus tabhartas-loisgte an righ, agus (1) ìobairt-loisgte. [TD 295] II. RIGH. CAIB. XVII. a thabhartas-bìdh, agus tabhartas-loisgte uile shluaigh na tìre, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartais-dibhe, agus crath oirre uile fhuil an tabhartais-loisgte, agus uile fhuil na h-ìobairte: agus bithidh an altair umha agamsa gu fiosrachadh leatha. 16 Mar so rinn Uriah an sagart, a réir gach ni a dh’àithn righ Ahas. 17 Agus ghearr righ Ahas iomaill nam bonn diubh, agus dh’atharraich e dhiubh an soitheach-ionnlaid, agus thug e nuas an fhairge bhàrr nan damh umha a bha foipe (1), agus chuir e i air urlar chlach. 18 Agus an còmhdachadh (2) sàbaid a thog iad san tigh, agus slighe an righ a steach o’n leth muigh, thionndaidh e o thigh an Tighearna air son (3) righ Asiria. 19 A nis a’ chuid eile do ghnìomharaibh Ahais a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 20 Agus choidil Ahas maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh; agus rìoghaich Heseciah a mhac ’na àit. CAIB. XVII. ANNS an dara bliadhna deug do Ahas righ Iudah, thòisich Hoseah mac Elah air rìoghachadh ann an Samaria air Israel; agus rìoghaich e naoi bliadhna. 2 Agus rinn e olc ann an sealladh an Tighearna, ach cha b’ann mar righribh Israeil a bha roimhe. 3 ’Na aghaidh-san thàinig a nìos Salmaneser righ Asiria, agus bha Hoseah ’na sheirbhiseach aige, agus thug e tiodhlacadh (4) dha. 4 Agus fhuair righ Asiria ceannairc (5) ann an Hoseah; oir chuir e teachdairean gu So righ na h-Eiphit, agus cha d’thug e tiodhlacadh air bith gu righ Asiria, mar a chleachd e o bhliadhna gu bliadhna: uime sin dhruid righ Asiria suas e, agus cheangail e ann am prìosun e. 5 An sin thàinig righ Asiria nìos troimh ’n fhearann uile, agus chaidh e suas gu Samaria, agus theannaich se e tri bliadhna. 6 Anns an naothadh bliadhna do Hoseah ghlac righ Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh re abhainn Ghosain, agus ann am bailtibh nam Medeach. 7 Oir tharladh gu’n do pheacaich clann Israeil an aghaidh an Tighearn an Dé, a thug a nìos iad a tìr na h-Eiphit, o bhi fuidh làimh Pharaoih righ na h-Eiphit, agus bha eagal dhiathan eile orra. 8 Agus dh’imich iad ann an reachdaibh nan cinneach, (a thilg an Tighearn a mach roimh chloinn Israeil,) agus ann an reachdaibh righrean Israeil a rinn iad. 9 Agus rinn clann Israeil gu dìomhair nithe nach robh ceart (1) fuidhe. (2) pàilliun. (3) air eagal. (4) cìs. (5) feall. [TD 296] II. RIGH. CAIB. XVII. an aghaidh an Tighearn an Dé, agus thog iad dhoibh féin àitean arda ’nam mòr-bhailtibh uile, o thùrait an luchd-faire gus a’ bhaile dhaingnichte. 10 Agus chuir iad suas dhoibh féin dealbhan agus doireachan (1), air gach uile chnoc ard, agus fuidh gach uile chraoibh uaine. 11 Agus an sin loisg iad tùis anns na h-àitibh ard uile, mar na cinnich a thug Dia air falbh rompa; agus rinn iad nithe olc a bhrosnachadh an Tighearna gu corruich: 12 Oir rinn iad seirbhis do ìodholaibh, mu’n d’thubhairt an Tighearna riu, Cha dean sibh an ni so. 13 Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iudah, leis na fàidhibh uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Pillibh o bhur droch shlighibh, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a réir an lagha uile a dh’àithn mi d’ar n-aithrichibh, agus a chuir mi d’ar n-ionnsuidh le m’ sheirbhisich (2) na fàidhean. 14 Gidheadh cha b’àill leo éisdeachd, ach chruadhaich iad am muineal, cosmhuil re muineal an aithriche, nach do chreid anns an Tighearn an Dia. 15 Agus rinn iad tàir air a reachdaibh, agus air a choi’-cheangal a rinn e r’an aithrichibh, agus air a theisteis leis an d’thug e fianuis ’nan aghaidh, agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an déigh nan cinneach a bha mu’n cuairt orra, mu’n d’thug an Tighearna sparradh dhoibh, nach deanadh iad cosmhuil riu. 16 Agus thréig iad uile àitheantan an Tighearn an Dé, agus rinn iad dhoibh féin dealbhan leaghta, eadhon dà laogh, agus rinn iad doire, agus rinn iad aoradh do uile armailt néimh, agus rinn iad seirbhis do Bhaal. 17 Agus thug iad air am macaibh agus air an nigheanaibh dol troimh ’n teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus druidheachd, agus reic siad iad féin a dheanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, chum a bhrosnachadh gu feirg. 18 Uime sin bha fearg ro-mhòr aig an Tighearna re h-Israel, agus dh’atharraich e iad as a shealladh: cha d’fhàgadh aon ach treubh Iudah a mhàin. 19 (Mar an ceudna cha do ghléidh Iudah àitheantan an Tighearn an Dé, ach dh’imich iad ann an reachdaibh Israeil a rinn iad.) 20 Agus chuir an Tighearna cùl re uile shliochd Israeil, agus chuir e fuidh àmhghar iad, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean, gus an do thilg e as a shealladh iad. 21 Oir scar Israel e féin o thigh Dhaibhidh (3), agus rinn iad Ieroboam mac Nebait ’na righ, agus dh’fhuadaich Ieroboam Israel o’n Tighearn a leantuinn, agus thug e orra peacadh mòr a pheacachadh. 22 Agus dh’imich clann Israeil ann an uile pheacaibh Ieroboaim a rinn e: cha do dhealaich iad riu: (1) ìodholan; asherim. Eabh. (2) le làimh mo sheirbhiseach. Eabh. (3) reub e Israel o thigh Dhaibhidh. [TD 297] II. RIGH. CAIB. XVII. 23 Gus an d’atharraich an Tighearn Israel as a shealladh, mar a thubhairt e le sheirbhisich uile na fàidhean. Agus thugadh Israel air falbh as an tìr féin do Asiria, gus an la ’n diugh. 24 Agus thug righ Asiria daoine o Bhabilon, agus o Chutah, agus o Abha, agus o Hamat, agus o Shepharbhaim, agus shuidhich e iad ann am bailtibh Shamaria, an àite chloinn Israeil; agus shealbhaich iad Samaria, agus ghabh iad còmhnuidh ’na bhailtibh. 25 Agus tharladh, ’nuair a ghabh iad an toiseach còmhnuidh an sin, nach robh eagal an Tighearn orra; uime sin chuir an Tighearna leòmhainn ’nam measg, a mharbh cuid diubh. 26 Air an aobhar sin labhair iad re righ Asiria, ag ràdh, Na cinnich a dh’atharraich thu, agus a shuidhich thu ann am bailtibh Shamaria, cha ’n aithne dhoibh gnàth Dhé na tìre: uime sin chuir e leòmhainn ’nam measg, agus feuch, tha iad ’gam marbhadh, a chionn nach aithne dhoibh gnàth Dhé na tìre. 27 An sin dh’àithn righ Asiria, ag ràdh, Thugaibh leibh an sin aon do na sagartaibh a thug sibh as sin, agus rachadh e (1) agus gabhadh e (2) còmhnuidh an sin, agus teagaisgeadh e dhoibh gnàth Dhé na tìre. 28 An sin thàinig aon do na sagartaibh a thug iad leo a Samaria, agus ghabh e còmhnuidh am am Betel, agus theagaisg e dhoibh cionnus bu chòir dhoibh eagal an Tighearn a bhi orra. 29 Gidheadh, rinn gach cinneach dée dhoibh féin, agus chuir siad iad ann an tighibh nan àitean ard a rinn na Samaritich, gach cinneach ’nam bailtibh féin anns an do ghabh iad còmhnuidh. 30 Agus rinn daoine Bhabiloin Sucot-benot, agus rinn daoine Chuit Nergal, agus rinn daoine Hamait Asima. 31 Agus rinn na h-Abhaich Nibhas agus Tartac, agus loisg na Sepharbhaich an clann san teine do Adramelech agus Anamelech, dée Shepharbhaim. 32 Agus bha eagal an Tighearn orra, agus rinn iad doibh féin do’n chuid a b’ìsle dhiubh sagairt nan àit arda, agus thug iad suas ìobairtean air an son ann an tighibh nan àit arda. 33 Bha eagal an Tighearn orra, agus rinn iad seirbhis d’an déibh féin, a réir gnàtha nan cinneach a thug iad leo as sin. 34 Gus an la ’n diugh tha iad a deanamh a réir nan ceud ghnàth: cha ’n’eil eagal an Tighearn orra, cha mhò tha iad a’ deanamh a réir an reachda, no do réir an orduighean, no do réir an lagha, no do réir na h-àithne a dh’àithn an Tighearna do chloinn Iacoib, air an d’thug e Israel mar ainm: 35 Ris an d’rinn an Tighearna coi’-cheangal, agus d’an d’thug e sparradh (3), ag ràdh, Cha bhi eagal dhiathan eile oirbh, agus cha chrom sibh sibh féin doibh, agus cha dean sibh seirbhis doibh, agus cha ’n ìobair sibh doibh: 36 Ach an Tighearn a thug a nìos sibh a tìr na h-Eiphit le mòr chumhachd, agus le gairdean sìnt’ a mach, eagal-san bith- (1) iad. (2) iad. (3) ordugh teann. [TD 298] II. RIGH. CAIB. XVIII. idh oirbh, agus dha-san lùbaidh sibh an glùn, agus dha-san ìobraidh sibh. 37 Agus na reachdan, agus na h-orduighean, agus an lagh, agus an àithne a scrìobh e dhuibh, bheir sibh an aire gu’n dean sibh iad gu bràth; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh. 38 Agus an coi’-cheangal a rinn mise ribh cha di-chuimhnich sibh; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh. 39 Ach bithidh eagal an Tighearna bhur Dé oirbh, agus saoraidh esan sibh a làimh bhur naimhdean uile. 40 Gidheadh cha d’éisd iad, ach rinn iad a réir an ceud ghnàtha. 41 Agus bha eagal an Tighearn air na cinnich sin, gidheadh rinn iad seirbhis d’an dealbhaibh snaidhte féin, araon an clann agus clann an cloinne: mar a rinn an aithriche, is amhuil a ta iadsan a’ deanamh gus an la’n diugh. CAIB. XVIII. AGUS anns an treas bliadhna do Hosea mac Elah righ Israeil, thòisich Heseciah mac Ahais, righ Iudah, air rìoghachadh. 2 Cùig bliadhna fichead a dh’aois bha e ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e naoi bliadhna fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abi, nighean Shechariah. 3 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn Daibhidh athair. 4 Chuir e air falbh na h-àitean arda, agus bhris e na dealbhan, agus ghearr e sìos na doireacha, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na laithibh sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dh’i: agus thugadh (1) Nehustan mar ainm oirre. 5 As an Tighearna Dia Israeil bha earbsadh; agus ’na dhéigh cha robh neach sam bith cosmhuil ris am measg uile righrean Iudah, no aon a bha roimhe. 6 Oir dhlùth-lean e ris an Tighearna, cha do chlaon e o a leantuinn; ach ghléidh e àitheantan, a dh’àithn an Tighearn do Mhaois. 7 Agus bha ’n Tighearna maille ris: anns gach àite d’an deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’éirich e ’n aghaidh righ Asiria, agus cha d’rinn e seirbhis dha. 8 Bhuail e na Philistich gu ruig Gasa, agus a chrìocha, o thùr an fhreiceadain gu ruig am baile daingnichte. 9 Agus anns a’ cheathramh bliadhna do righ Heseciah, agus san t-seachdamh bliadhna (2) do Hoseah mac Elah righ Israeil; thàinig Salmaneser, righ Asiria, a nios an aghaidh Shamaria, agus theannaich se e. 10 Agus ghlac iad e an ceann thri bliadhna: anns an t-seathadh bliadhna do Heseciah, agus san naothadh bliadhna do Hoseah righ Israeil, ghlacadh Samaria. 11 Agus thug righ Asiria leis Israel do Asiria, agus chuir e iad ann an Halah agus ann an Habor làimh re abhainn Gho- (1) thug e. (2) b’i sin an seachdamh bliadhna. Eabh. [TD 299] II. RIGH. CAIB. XVIII. sain, agus ann am bailtibh nam Medeach; 12 A chionn nach d’éisd iad re guth an Tighearn an Dé, ach gu’n do bhris iad a choi’-cheangal, na h-uile nithe a dh’àithn Maois òglach an Tighearna; nach d’éisd iad riu, agus nach mò a rinn siad iad. 13 Agus anns a’ cheathramh bliadhna deug do righ Heseciah thàinig Senacherib righ Asiria a nìos an aghaidh uile bhailte a daingnichte Iudah, agus ghlac e iad. 14 Agus chuir Heseciah righ Iudah teachdairean gu righ Asiria do Lachis, ag ràdh, Chiontaich mi, pill uam: an ni a chuireas tu orm, giùlainidh mi. Agus chuir righ Asiria air Heseciah righ Iudah tri cheud tàlann airgid, agus deich tàlanna fichead òir. 15 Agus thug Heseciah dha an t-airgiod uile a fhuaradh ann an tigh an Tighearna, agus ann an ionmhasaibh tighe an righ. 16 Anns an àm sin ghearr Heseciah air falbh comhlaidh teampuill an Tighearna, agus na h-ursainnean a chòmhdaich Heseciah righ Iudah, agus thug e iad (1) do righ Asiria. 17 Agus chuir righ Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rabsaceh o Lachis, gu righ Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a nìos doibh (2), thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne a’s airde, a tha air slighe achaidh an luadhadair. 18 Agus an uair a dh’éigh iad ris an righ, thàinig a mach d’an ionnsuidh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an scrìobhuich, agus Ioas mac Asaiph an seanachaidh. 19 Agus thubhairt Rabsaceh riu, Abraibh a nis re Heseciah; Mar so tha ’n righ mòr, righ Asiria, ag ràdh, Ciod an t-earbsadh (3) mòr so a th’agad? 20 Tha thu ag ràdh, (ach is briathra faoin iad) Tha comhairle agus neart agam chum a’ chogaidh: a nis ma ta cò as am bheil thu ’g earbsadh, gu’n deanadh tu cogadh a’m’ aghaidh-sa? 21 A nis, feuch, tha thu ’g earbsadh as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit, a théid, ma leigeas duine a chudthrom oirre, a steach ’na làimh, agus a thollas troimhe (4) i. Is ann mar so a tha Pharaoh righ na h-Eiphit dhoibhsan uile a dh’earbas as. 22 Ach ma their sibh rium, As an Tighearn ar Dia tha ar n-earbsadh: nach e so esan, a chuir Heseciah air falbh àitean arda, agus altairean, agus a thubhairt re Iudah agus re Ierusalem, Fa chomhair na h-altarach so sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem? 23 A nis uime sin, guidheam ort, thoir gill do m’ thighearna righ Asiria, agus bheir mise dhuit dà mhìle each, ma’s urrainn thusa air do thaobh féin marcaich a chur orra. 24 Cionnus ma ta bheir thu air aon cheannard, do na seirbhisich a’s lugha a tha aig mo thighearna-sa, aghaidh a thionn- (1) an t-òr a bha orra. (2) agus chaidh iad suas, agus thàinig iad gu h-Ierusalem: agus an uair a thàinig iad a nìos. (3) an dòchas. (4) trìd. [TD 300] II. RIGH. CAIB. XVIII. dadh uait, agus a dh’earbas tu as an Eiphit air son charbad agus marc-shluaigh? 25 Ach a nis, an ann as eugmhais an Tighearn a thàinig mis a nìos an aghaidh an àite so, g’a sgrios? Is e ’n Tighearn a thubhairt riumsa, Falbh suas an aghaidh na tìre so, agus sgrios i. 26 An sin thubhairt Eliacim mac Hilciah, agus Sebna, agus Ioah, re Rabsaceh, Labhair, guidheam ort, re d’ sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair ruinn anns a’ chainnt Iudhaich, an cluasaibh an t-sluaigh a tha air a’ bhalladh. 27 Ach thubhairt Rabsaceh riu, An ann a dh’ionnsuidh do thighearna-sa, agus a t’ ionnsuidh-sa, a chuir mo thighearna mise a labhairt nam briathra so? nach ann a dh’ionnsuidh nan daoin’ a tha ’nan suidhe air a’ bhalladh, a chum gu’n ith iad an salchar féin, agus gu’n òl iad an uisge féin maille ribhse? 28 An sin sheas Rabsaceh, agus dh’éigh e le guth ard anns a’ chainnt ludhaich, agus labhair e, ag ràdh, Eisdibh re focal an righ mhòir, righ Asiria. 29 Mar so tha’n righ ag ràdh, Na mealladh Heseciah sibh, oir cha ’n urrainn e bhur saoradh a m’ làimh-sa (1). 30 Agus na d’thugadh Heseciah oirbh bhur dòchas a chur san Tighearn, ag ràdh, Gu deimhin saoraidh an Tighearna sinne, agus cha d’thoirear thairis am baile so do làimh righ Asiria. 31 Na h-éisdibh re Heseciah: oir mar so tha righ Asiria ’g ràdh, Deanaibh suas cairdeas riumsa (2), agus thigibh a mach a m’ ionnsuidh, agus ithibh gach fear d’a chrann-fiona, agus gach fear d’a chrann-fige féin, agus òlaibh gach fear uisge a thobair féin; 32 Gus an d’thig mise, agus gu’n d’thoir mi air falbh sibh do thìr cosmhuil r’ar tìr féin, tìr arbhair agus fiona, tìr arain agus fhìon-lios, tìr olaidh a’ chroinn-olaidh agus meala, a chum gu’m bi sibh beo, agus nach faigh sibh bàs: agus na h-éisdibh re Heseciah, an uair a chuireas e impidh oirbh, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna sinn. 33 An do shaor riamh dée nan cinneach, gach aon a thìr féin, as làimh righ Asiria? 34 C’àit am bheil dée Hamait, agus Arphaid? c’àit am bheil dée Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah? an do shaor iad Samaria as mo làimh-sa? 35 Cò am measg uile dhée nan dùthchanna, a shaor an tìr féin as mo làimh-sa, gu’n saoradh an Tighearn Ierusalem as mo làimh? 36 Ach bha ’n sluagh ’nan tosd, agus cha do fhreagair iad aon fhocal da: oir b’i àithne an righ dhoibh, Na d’thugaibh freagradh air. 37 An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an scrìobhuich, agus Ioah mac Asaiph an seanachaidh, gu Heseciah le’n eudach reubta, agus dh’innis iad da briathra Rabsaceh. (1) as a làimh-san. (2) Deanaibh coi’-cheangal riumsa le tiodhlacadh. [TD 301] II. RIGH. CAIB. XIX. CAIB. XIX. AGUS an uair a chuala Heseciah an righ e, reub e eudach, agus chòmhdaich se e féin le saic-eudach, agus chaidh e do thigh an Tighearna. 2 Agus chuir e Eliacim, a bha os cionn an tighe, agus Sebna an scrìobhuich, agus seanaire nan sagart, còmhdaichte le saic-eudach, gu Isaiah am fàidh, mac Amois. 3 Agus thubhairt iad ris, Mar so tha Heseciah ag ràdh, Is là teinn, agus achmhasain, agus maslaidh an là so: oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu’m breith cha ’n’eil ann. 4 Theagamh gu’n cluinn (1) an Tighearna do Dhia uile bhriathra Rabsaceh, a chuir a thighearna righ Asiria a mhaslachadh an Dé bheo; agus gu’n cronaich e na briathran a chual an Tighearna do Dhia: tog suas t’urnuigh ma ta air son an fhuighill a dh’fhàgadh. 5 Uime sin an uair a thàinig seirbhisich righ Heseciah gu h-Isaiah, 6 Thubhairt Isaiah riu, Mar so their sibh r’ar tighearna, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Na biodh eagal ort roimh na briathraibh a chuala tu, leis an d’thug seirbhisich righ Asiria masladh dhomhsa. 7 Feuch, cuiridh mise spiorad ann (2), agus cluinnidh e tuairesgeul, agus pillidh e d’a thìr féin, agus bheir mise air tuiteam leis a’ chlaidheamh ’na thìr féin. 8 Agus phill Rabsaceh, agus fhuair e righ Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chual e gu’n d’fhalbh e o Lachis. 9 Agus an uair a chual e ’ga ràdh mu Thirhacah righ Etiopia (3), Feuch, thàinig e mach a chogadh riut: chuir e teachdairean a rìs gu Heseciah, ag ràdh, 10 Mar so labhraidh sibh re Heseciah righ Iudah, ag ràdh, Na mealladh do Dhia thu, as am bheil thu ’g earbsadh, ag ràdh, Cha d’thoirear Ierusalem thairis do làimh righ Asiria. 11 Feuch, chuala tu ciod a rinn righrean Asiria ris gach uile thìr, ’g an sgrios gu tur: agus an saorar thusa? 12 An do shaor dée nan cinneach iadsan a sgrios m’aithriche-sa, eadhon Gosan, agus Haran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar? 13 C’àit am bheil righ Hamait, agus righ Arpaid, agus righ mòr-bhaile (4) Shepharbhaim, Hena, agus Ibha? 14 Agus ghabh Heseciah an litir a làimh nan teachdaire, agus leugh se i: agus chaidh Heseciah suas do thigh an Tighearna, agus sgaoil e i am fianuis an Tighearna. 15 Agus rinn Heseciah urnuigh an làthair an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhé Israeil, a tha d’ chòmhnuidh eadar na cheruban, is tu féin Dia, thusa a’d’ aonar, Dia uile rìoghachda na talmhainn; is tu a rinn na nèamha agus an talamh. 16 Crom, a Thighearn, a nuas do chluas, agus éisd; fosgail, a Thighearna, do shùilean, agus faic: feadh cluinn briathra Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dé bheo. (1) O gu’n cluinneadh! (2) osag air. (3) Chuis. Eabh. (4) caithreach. [TD 302] II. RIGH. CAIB. XIX. 17 Gu deimhin, a Thighearna, sgrios righrean Asiria na cinnich agus an tìr. 18 Agus thilg iad an dée san teine: oir cha bu dée iad, ach oibre làmha dhaoine, fiodh agus clach: uime sin sgrios siad iad. 19 A nis ma ta, O Thighearn ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, chum as gu’m bi fios aig uile rìoghachdaibh na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu féin a’t’ aonar. 20 An sin chuir Isaiah mac Amois teachdaire gu Heseciah, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, An urnuigh a rinn thu riumsa mu thimchioll Shenacherib righ Asiria, chuala mi. 21 So am focal a labhair an Tighearna mu thimchioll: Rinn òigh nighean Shioin tàir ort; rinn i gàire fanoid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaobh. 22 Cò d’an d’thug thu masladh agus toibheum? agus cò a dh’ardaich thu do ghuth ’na aghaidh, agus a thog thu do shùilean gu h-ard? an aghaidh Ti naomha Israeil. 23 Le làimh do theachdairean mhaslaich thu ’n Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhoireachd mo charbad dhìrich mi airde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a chraobhan seudair a’s airde (1), agus roghadh a chraobhan giuthais, agus théid mi stigh a dh’àitibh-tàimh a chrìche, frìth a Charmeil. 24 Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeacha coimheach, agus le bonn mo chos thiormaich mi suas uile aibhniche nan daingneach. 25 Nach cuala tu o cheann fada cionnus a rinn mi e, agus o’n aimsir chéin gu’n do dhealbh mi e? a nis thug mi gu crìch e, gu’m bitheadh tusa chum bailtean daingnichte fhàsachadh ’nan carnaibh sgrios. 26 Uime sin bha ’n luchd-àiteachaidh air bheag neirt: bha crith-eagail orra agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh ghlas (2), mar fheur mullaich nan tighean, agus mar arbhar seargta mu’m fàs e suas. 27 Ach is aithne dhomh t’àite-còmhnuidh, agus do dhol a mach, agus do theachd a steach, agus fraoch t’fheirge a’m’ aghaidh. 28 A chionn gu’m bheil fraoch t’fheirge a’m’ aghaidh, agus t’onfhadh air teachd a nìos gu m’ chluasaibh, uime sin cuiridh mi mo dhubhan a’d’ shròin, agus mo shrian a’d’ bheul (3), agus pillidh mi air t’ais thu san t-slighe air an d’thàinig thu. 29 Agus bithidh so ’na chomhara dhuit: Ithidh tu air a’ bhliadhna so na nithe a dh’fhàsas leo féin, agus anns an dara bliadhna na nithe a chinneas asda sin; agus anns an treas bliadhna cuiridh agus buainidh sibh, agus suidhichidh sibh fion-liosan, agus ithidh sibh d’an toradh. 30 Agus gabhaidh am fuigheall a théid as do thigh Iudah, fathast freumh sìos, agus cuiridh e toradh suas. 31 Oir a Ierusalem théid (1) airde a chraobha seudair. Eabh. (2) uaine. (3) a’d’ bhilibh. [TD 303] II. RIGH. CAIB. XX. fuigheall (1) a mach, agus iadsan a théid as o shliabh Shioin: ni eud Thighearna nan sluagh so (2). 32 Uime sin mar so tha’n Tighearn ag ràdh mu thimchioll righ Asiria, Cha d’thig e do’n bhaile so, agus cha tilg e saighead ann, agus cha d’thig e fa chomhair le sgéith, agus cha chuir e suas tòrr (3) ’na aghaidh. 33 Air an t-slighe air an d’thàinig e, air an t-slighe cheudna pillidh e, agus cha d’thig e steach do’n bhaile so, ars’ an Tighearna: 34 Oir dìonaidh mise am baile so chum a shaoradh, air mo shon féin, agus air son Dhaibhidh m’òglaich. 35 Agus air an oidhche sin féin chaidh aingeal an Tighearna mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir fichead agus cùig mìle: agus an uair a dh’éirich iad gu moch anns a’ mhaduinn, feuch, bha iad uile ’nan corpaibh marbha. 36 Agus dh’imich Senacherib righ Asiria, agus chaidh e agus phill e, agus ghabh e còmhnuidh ann an Ninebheh. 37 Agus an uair a bha e re aoradh ann an tigh Nisroich a Dhé, bhuail Adramelech agus Sareser a mhic e leis a’ chlaidheamh; agus theich iad do thìr Armenia: agus rìoghaich Esar-hadon a mhac ’na àit. CAIB. XX. ANNS na laithibh sin bha Heseciah tinn gu bàs: agus thàinig am fàidh Isaiah mac Amois d’a ionnsuidh, agus thubhairt e ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Cuir do thigh an ordugh, oir gheibh thu bàs, agus cha bhi thu beo. 2 An sin thionndaidh e aghaidh ris a’ bhalladh, agus rinn e urnuigh ris an Tighearn, ag ràdh, 3 Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a nis cionnus a ghluais mi a’d’ làthair ann am firinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an ni a ta maith a’d’ shùilibh. Agus ghuil Heseciah gu goirt. 4 Agus mu’n deachaidh Isaiah mach do’n chùirt mheadhonaich, thàinig focal an Tighearna d’a ionnsuidh, ag ràdh, 5 Pill, agus abair re Heseciah ceannard mo shluaigh, Mar so tha’n Tighearna, Dia Dhaibhidh t’athar, ag ràdh, Chuala mise t’urnuigh, chunnaic mi do dheoir: feuch, slànuichidh mi thu; air an treas là théid thu suas do thigh an Tighearna. 6 Agus cuiridh mi re d’ laithibh cùig bliadhna deug, agus saoraidh mi thusa, agus am baile so, a làimh righ Asiria, agus dìonaidh mi am baile so air mo shon féin, agus air son Dhaibhidh m’òglaich. 8 Agus thubhairt Heseciah re Isaiah, Ciod an comhara gu’n leighis an Tighearna mi, agus gu’n d’théid mi suas air an treas là do thigh an Tighearna? 9 Agus thubhairt Isaiah, Bithidh so ’na chomhara dhuit o’n Tighearna, gu’n dean an Tighearn an ni a labhair e: an d’théid an dubhar air aghaidh deich ceumanna, no’n d’théid e air ais deich ceumanna? (1) iarmad. (2) ni eud an Tighearna so. (3) dùn talmhainn, daingneach. [TD 304] II. RIGH. CAIB. XXI. 10 Agus fhreagair Heseciah, Is suarach an ni do’n dubhar dol sìos (1) deich ceumanna; ni h-eadh, ach pilleadh an dubhar air ais deich ceumanna. 11 Agus ghlaodh Isaiah am fàidh ris an Tighearna, agus thug e air ais an dubhar deich ceumanna, a chaidh e sìos (2) air ceumannaibh Ahais (3). 7 Agus thubhairt Isaiah, Gabhaibh meall fhìge. Agus ghabh agus chuir iad e air an neascaid, agus shlànuicheadh e (4). 12 San àm sin chuir Berodach-baladan (5) mac Bhaladain, righ Bhabiloin, teachdairean le litrichibh agus tiodhlacadh gu Heseciah: oir chual e gu’n robh Heseciah tinn. 13 Agus rinn Heseciah gairdeachas os an cionn (6), agus dh’fheuch e dhoibh uile thigh-tasgaidh a nithe luachmhor, an t-airgiod, agus an t-òr, agus na spìosraidh, agus an ola luachmhor, agus a thigh armachd, agus na nithean uile a fhuaradh ’na ionmhasaibh: cha robh ni ’na thigh, no ’na rìoghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhoibh. 14 An sin thàinig Isaiah am fàidh gu righ Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine so? agus cia as a thàinig iad a t’ ionnsuidh? agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad o thìr chéin, o Bhabilon. 15 Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad a’d’ thigh? Agus fhreagair Heseciah, Na h-uile nithe a ta m’ thigh chunnaic iad: cha ’n’eil ni ann am ionmhasaibh nach d’fheuch mi dhoibh. 16 Agus thubhairt Isaiah re Heseciah, Eisd re focal an Tighearna. 17 Feuch, tha na laithean a’ teachd, anns am bi na h-uile nithe a tha ann ad thigh, agus na h-ionmhasan a thaisg t’aithriche suas gus an la’n diugh, air an giùlan gu Babilon: cha’n fhàgar ni air bith, ars’ an Tighearna. 18 Agus cuid do d’ mhacaibh a thig uait, a ghineas tu, bheir iad leo, agus bithidh iad ’nan caillteanaich ann an lùchairt righ Bhabiloin. 19 An sin thubhairt Heseciah re Isaiah, Is maith focal an Tighearn a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach maith, ma bhios sìth agus firinn a’m’ laithibh-sa? 20 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Heseciah, agus a thréine uile, agus mar a rinn e lochan (7), agus sruth-chlais, agus a thug e uisge steach do’n bhaile, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 21 Agus choidil Heseciah maille r’a aithrichibh: agus rìoghaich Manaseh a mhac ’na àit. CAIB. XXI. DA bhliadhna dheug a dh’aois bha Manaseh ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e cùig bliadhna deug agus dà fhichead (1) air aghaidh. (2) air aghaidh. (3) uaireadair-gréine Ahais. (4) Faic Isaiah. Caib. XXXVIII. r. 21. (5) Merodach-baladan. Isaiah. Caib. XXXIX. r. 1. (6) dh’éisd Heseciah riu. Faic Isaiah. Caib. XXXIX. r. 2. (7) poll-éisg. [TD 305] II. RIGH. CAIB. XXI. ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Heph-sibah. 2 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, a réir ghràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna mach roimh chloinn Israeil. 3 Oir thog e suas a rìs na h-àitean arda a sgrios Heseciah athair, agus chuir e suas altairean do Bhaal, agus rinn e doire, mar a rinn Ahab righ Israeil, agus shleuchd e do uile armailt nèimh, agus rinn e seirbhis doibh. 4 Agus thog e altairean ann an tigh an Tighearna, mu’n dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem cuiridh mi m’ainm. 5 Agus thog e altairean do uile armailt nèimh, ann an dà chùirt tighe an Tighearna. 6 Agus thug e air a mhac dol troimh ’n teine, agus thug e fa’near amanna, agus ghnàthaich e druidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd fiosachd: dh’oibrich e mòr aingidheachd ann an sùilibh an Tighearna, g’a bhrosnachadh gu féirg. 7 Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e, anns an tigh mu’n dubhairt an Tighearna re Daibhidh, agus re Solamh a mhac, Anns an tigh so, agus ann an Ierusalem, a thagh mi a uile threubhaibh Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth. 8 Cha mhò a bheir mi air cosaibh Israeil caruchadh (1) tuilleadh a mach as an fhearann a thug mi d’an aithrichibh; a mhàin ma bheir iad an aire gu’n dean iad a réir nan nile nithe a dh’àithn mise dhoibh, agus a réir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhoibh. 9 Ach cha d’éisd iad: agus tharruing Manaseh iad gu tuilleadh uilc a dheanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna roimh chloinn Israeil. 10 Agus labhair an Tighearna le sheirbhisich (2) na fàidhean, ag ràdh, 11 A chionn gu’n d’rinn Manaseh righ Iudah na gràinealachda so, agus gu’n d’rinn e ni’s measa na na h-uile nithe a rinn na h-Amoraich a bha roimhe, agus gu’n d’thug e air Iudah mar an ceudna peacachadh le ìodholaibh: 12 Uime sin mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Feuch, tha mi tabhairt uilc air Ierusalem agus Iudah, a bheir air gach neach a chluinneas e, gu’m bi gaoir (3) ’na dhà chluais. 13 Agus sìnidh mi mach os cionn Ierusaleim sreang-thomhais Shamaria, agus sreang-riaghailt (4) tighe Ahaib: agus glanaidh mi as Ierusalem mar a ghlanas neach soitheach, g’a ghlanadh, agus a’ tionndadh a bheoil fuidh (5). 14 Agus tréigidh mi fuigheall m’oighreachd, agus bheir mi iad do làimh an naimhdean, agus bithidh iad ’nan creich agus ’nan cobhartach d’an naimhdibh uile; 15 A chionn gu’n d’rinn iad olc a’m’ shùilibh, agus gu’n do bhrosnaich iad mi gu féirg o’n là san d’thàinig an aithriche mach as an Eiphit, eadhon gus an la ’n diugh. (1) corrochadh. Eir. (2) le làimh a sheirbhiseach. Eabh. (3) glaoim. (4) cudthrom. Eabh. (5) foidh. [TD 306] II. RIGH. CAIB. XXII. 16 Os bàrr, dhòirt Manaseh fuil neo-chiontach gu ro-mhòr, gus an do lìon i Ierusalem o cheann gu ceann, a thuilleadh air a pheacadh féin leis an d’thug e air Iudah peacachadh, le olc a dheanamh ann an sùilibh an Tighearna. 17 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Mhanaseh, agus na h-uile nithe a rinn e, agus a pheacadh a rinn (1) e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh Iudah? 18 Agus choidil Manaseh maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann an lios a thighe féin, ann an lios Udsa: agus rìoghaich Amon a mhac ’na àit. 19 Dà bhliadhna thar fhichead a dh’aois bha Amon an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e dà bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Mesulemet, nighean Haruis o Iotbah. 20 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, mar a rinn Manaseh athair. 21 Agus dh’imich e anns an uile shlighe san d’imich athair, agus rinn e seirbhis do na h-ìodholaibh d’an d’rinn athair seirbhis, agus rinn e aoradh dhoibh: 22 Agus thréig e ’n Tighearna Dia aithriche, agus cha do ghluais e ann an slighe an Tighearna. 23 Agus rinn seirbhisich Amoin ceannairc ’na aghaidh, agus mharbh iad an righ ’na thigh féin. 24 Agus mharbh (2) sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh righ Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac ’na righ ’na àit. 25 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Amoin a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 26 Agus dh’adhlaic iad e ’na uaigh féin ann an lios Udsa: agus rìoghaich Iosiah a mhac ’na àit. CAIB. XXII. OCHD bliadhna dh’aois bha Iosiah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna deug thar fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iedidah, nighean Adaiah o Bhoscat. 2 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh athar, agus cha do chlaon e dh’ionnsuidh na làimhe deise no na làimhe clìthe. 3 Agus anns an ochdamh bliadhna deug do righ Iosiah, chuir an righ Saphan mac Asaliah, mhic Mhesullaim, an scrìobhuiche, do thigh an Tighearn, ag ràdh, 4 Falbh suas gu Hilciah an t-ard shagart, chum gu’n àireamh e an t-airgiod a thugadh do thigh an Tighearna, a chruinnich luchd-gleidhidh an doruis o’n t-sluagh: 5 Agus thugadh iad e do làimh luchd deanamh na h-oibre, dhoibhsan a tha os cionn tighe (3) an Tighearna: agus thugadh iadsan e do luchd deanamh na h-oibre, a tha ann an tigh an (1) pheacaich. Eabh. (2) bhuail. (3) os cionn na h-oibre ann an tigh. [TD 307] II. RIGH. CAIB. XXII. Tighearna, a chàradh brisidh an tighe; 6 Do shaoraibh, agus do luchd togail, agus do chlachairibh, agus a cheannach fiodha, agus chlach snaidhte, a chàradh an tighe. 7 Gidheadh, cha d’rinneadh cunntas riu thaobh an airgid a thugadh d’an làimh, a chionn gu’n d’rinn iad gu h-ionraic. 8 Agus thubhairt Hilciah an t-ard shagart re Saphan an scrìobhuiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an tigh an Tighearna: agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan, agus leugh se e. 9 Agus thàinig Saphan an scrìobhuiche dh’ionnsuidh an righ, agus dh’aithris e ’n gnothuch do’n righ, agus thubhairt e, Chruinnich do sheirbhisich an t-airgiod a fhuaradh anns an tigh, agus thug iad e do làimh luchd deanamh na h-oibre, a bha os cionn tighe an Tighearna. 10 Agus dh’innis Saphan an scrìobhuiche do’n righ, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh: agus leugh Saphan e an làthair an righ. 11 Agus an uair a chual an righ briathra leabhair an lagha, reub e eudach. 12 Agus dh’àithn an righ do Hilciah an sagart, agus do Ahicam mac Shaphain, agus do Achbor mac Mhicaiah, agus do Shaphan an scrìobhuiche, agus do Asahiah seirbhiseach an righ, ag ràdh, 13 Rachaibh, fiosraichibh do’n Tighearn air mo shon-sa, agus air son an t-sluaigh, agus air son Iudah uile, thaobh bhriathran an leabhair so a fhuaradh: oir is mòr fearg an Tighearn a tha air lasadh ’nar n-aghaidh, a chionn nach d’éisd ar n-aithriche re briathraibh an leabhair so, a dheanamh a réir gach ni a ta scrìobhta d’ar taobh. 14 Uime sin chaidh Hilciah an sagart, agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan, agus Asahiah, dh’ionnsuidh Huldah a’ bhan-fhàidh, mnà Shaluim mhic Thicbhah, mhic Harhais fir-gleidhidh an eudaich, (a nis bha i chòmhnuidh ann an Ierusalem anns an oil-thigh (1)) agus labhair iad ria. 15 Agus thubhairt i riu, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Innsibh do’n duine a chuir a’m’ ionnsuidh-sa sibh, 16 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite so, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon uile bhriathran an leabhair a leugh righ Iudah. 17 A chionn gu’n do thréig iad mise, agus gu’n do loisg iad tùis do dhéibh eile, chum mo bhrosnachadh gu corruich le uile oibribh an làmh: uime sin lasaidh m’fhearg an aghaidh an àite so, agus cha mhùchar i. 18 Ach re righ Iudah a chuir sibh a dh’fhiosrachadh do’n Tighearna, mar so their sibh ris, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A thaobh nam briathran a chual thu, 19 A chionn gu’n robh do chridhe tiom (2), agus gu’n d’irislich thu thu-féin an làthair an Tighearna, ’nuair a chual thu ciod a labhair mise ’n aghaidh an àite so, agus an aghaidh a (1) tigh an fhòghluim; misena. Eabh. (2) maoth. [TD 308] II. RIGH. CAIB. XXIII. luchd-àiteachaidh, gu’m biodh iad ’nam fàsach, agus ’nam mallachadh, agus gu’n do reub thu t’eudach, agus gu’n do ghuil thu a’m’ fhianuis; chuala mise mar an ceudna thusa, ars’ an Tighearna. 20 Feuch uime sin, cruinnichidh mise thu chum t’aithriche, agus cruinnichear thu do d’ uaigh an sìth, agus cha ’n fhaic do shùilean an t-olc sin uile a bheir mise air an àite so. Agus thug iad fios a rìs a dh’ionnsuidh an righ. CAIB. XXIII. AGUS chuir righ teachdairean uaith, agus chruinnich d’a ionnsuidh uile sheanairean Iudah, agus Ierusaleim. 2 Agus chaidh an righ suas do thigh an Tighearna, agus daoine Iudah uile, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim maille ris, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr (1): agus leugh e ’nan éisdeachd (2) uile bhriathra leabhair a’ choi’-cheangail, a fhuaradh ann an tigh an Tighearna. 3 Agus sheas an righ làimh re post, agus rinn e coi’-cheangal am fianuis an Tighearna, gu’n gluaiseadh iad an déigh an Tighearna, agus gu’n gleidheadh iad àitheantan agus a theisteis, agus a reachdan le’n uile chridhe, agus le’n uile anam, a choi’-lionadh bhriathra a’ choi’-cheangail so, a ta scrìobhta san leabhar so: agus sheas an sluagh uile ris a’ choi’-cheangal. 4 Agus dh’àithn an righ do Hilciah an t-ard shagart, agus do shagartaibh an dara orduigh, agus do luchd-gleidhidh an doruis, na soithichean uile a rinneadh do Bhaal, agus do’n doire (3), agus do uile armailt nèimh, a thoirt a mach a teampull an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a muigh do Ierusalem ann am machairibh Chidroin, agus ghiùlain e’n luath gu Betel. 5 Agus chuir e as do shagartaibh an ìodhol-aoraidh, a dh’orduich righrean Iudah a losgadh tùis anns na h-àitibh arda, ann am mòr-bhailtibh Iudah, agus anns na h-àitibh mu thimchioll Ierusaleim; iadsan mar an ceudna a loisg tùis do Bhaal, do’n ghréin, agus do’n ghealaich, agus do na reultaibh seachranach, agus do uile armailt nèimh. 6 Agus thug e ’n doire (4) o thigh an Tighearna, an taobh a mach do Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus loisg se e aig sruth Chidroin, agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighibh cloinne an t-sluaigh. 7 Agus bhris e sìos tighean nan Sodomach a bha làimh re tigh an Tighearna, far an robh na mnài a’ figheadh chùirteine (5) do’n doire. 8 Agus thug e mach na sagairt uile a bailtibh Iudah, agus thruaill (6) e na h-àitean arda far an do loisg na sagairt tùis, o Gheba gu Beer-seba, agus bhris e sìos àitean arda nan geata, a bha ann an dol a stigh geataidh Iosua uachdarain a’ bhaile, a (1) o’n bheag gus a’ mhòr. Eabh. (2) cluasaibh. Eabh. (3) do ìodhol an doire; asherah. Eabh. (4) dealbh snaidhte an doire; asherah. Eabh. Faic Caib. XXI. r. 7. (5) bhùthan. (6) shalaich. [TD 309] II. RIGH. CAIB. XXIII. bha air làimh chli duine ann an geatadh a’ bhaile. 9 Gidheadh, cha deachaidh sagairt nan àit arda suas gu altair an Tighearn ann an Ierusalem, ach dh’ith iad aran neo-ghoirtichte am measg am bràithre. 10 Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mhic (1) Hinnoim, a chum as nach feudadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol troimh’n teine do Mholech. 11 Agus thug e air falbh na h-eich a thug righrean Iudah do’n ghréin, o dhol a steach tighe an Tighearna, làimh re seòmar (2) Natan-meleich a’ chaillteanaich, a bha sa’ mhach-bhaile (3), agus loisg e carbada na gréine le teine. 12 Agus na h-altairean a bha air mullach seòmair uachdaraich Ahais, a rinn righrean Iudah, agus na h-altairean a rinn Manaseh ann an dà chùirt tighe an Tighearna, thilg an righ sìos, agus bhris e o sin iad (4), agus thilg e ’n luaithre ann an sruth Chidroin. 13 Agus na h-àitean arda a bha fa chomhair Ierusaleim, a bh’air an làimh dheis do shliabh na truaillidheachd (5), a thog Solamh righ Israeil do Astarot gràinealachd nan Sidonach, agus do Chemos gràinealachd nam Moabach, agus do Mhilcom gràinealachd chloinn Amoin, thruaill an righ. 14 Agus bhris e ’nam bloighdibh na dealbhan, agus ghearr e sìos na doireachan, agus lìon e ’n àitean le cnàmhaibh dhaoine. 15 Os bàrr, an altair a bh’aig Betel, agus an t-àit ard a rinn Ieroboam mac Nebait, a thug air Israel peacachadh, araon an altair agus an t-àit ard bhris e sìos, agus loisg e ’n t-àit ard, agus mhin-phronn e gu luaithre e, agus loisg e ’n doire. 16 Agus an uair a thionndaidh Iosiah mu’n cuairt, chunnaic e na h-uaighean a bha ’n sin san t-sliabh, agus chuir e daoine uaith, agus thug e na cnàmhan as na h-uaighibh, agus loisg e iad air an altair, agus thruaill e i, a réir focail an Tighearna, a labhair òglach Dhé (6) a chuir an céill na briathra so. 17 An sin thubhairt e, Ciod e an carragh (7) so a tha mi faicinn? Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris, Is i uaigh òglaich Dhé a th’ann, a thàinig o Iudah, agus a chuir an céill (8) na nithe sin a rinn thusa an aghaidh altarach Bheteil. 18 Agus thubhairt e, Leigibh leis, na gluaiseadh duine sam bith a chnàmha-san: agus leig iad tàmh d’a chnàmhaibh, maille re cnàmhaibh an fhàidh a thàinig a Samaria. 19 Agus mar an ceudna uile thighean nan àitean ard a bha ann am bailtibh Shamaria, a rinn righrean Israeil a bhrosnachadh an Tighearna gu feirg, thug Iosiah air falbh, agus rinn e riu a réir nan uile ghnìomh a rinn e ann am Betel. 20 Agus mharbh e uile sha- (1) chloinn. (2) tigh, àite-còmhnuidh. (3) Pharurim. Eabh. (4) ruith e leo as sin. (5) shliabh nan olaidh. (6) a labhair òglach Dhé [’nuair a sheas Ieroboam air là na féill air an altair. Agus an uair a thionndaidh e mu’n cuairt, thog e suas a shùilean air uaigh] òglaich Dhé. (7) comhara, scrìobhadh. (8) a ghairm. [TD 310] II. RIGH. CAIB. XXIII. gairt nan àitean ard a bha ’n sin air na h-altairibh, agus loisg e cnàmhan dhaoine orra, agus phill e gu h-Ierusalem. 21 Agus dh’àithn an righ do’n t-sluagh uile, ag ràdh, Cumaibh a’ chàisg do’n Tighearna bhur Dia, mar a ta e scrìobhta ann an leabhar a’ choi’-cheangail so. 22 Gu cinnteach cha do chumadh a leithid so do chàisg, o laithibh nam breitheamh a thug breth air Israel, no ann an uile laithibh righrean Israeil, no righrean Iudah: 23 Ach anns an ochdamh bliadhna deug do righ Iosiah, chumadh a’ chàisg so do’n Tighearn, ann an Ierusalem. 24 Os bàrr, na leannain-shìth, agus an luchd-fiosachd, agus na dealbhan, agus na h-ìodholan, agus gach uile ghràinealachd a chunncas ann an tìr Iudah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a chum gu’n coimh-lionadh e briathran an lagha, a bha scrìobhta san leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an tigh an Tighearna. 25 Agus cosmhuil ris-san cha robh righ air bith roimhe, a phill a dh’ionnsuidh an Tighearna le uile chridhe, agus le uile anam, agus le uile neart, a réir lagha Mhaois uile; agus ’na dhéigh cha d’éirich a shamhuil. 26 Gidheadh, cha do phill an Tighearn o theas fheirge mòire, leis an do las fhearg an aghaidh Iudah, air son nan uile bhrosnachadh (1) leis an do bhrosnaich Manaseh e. 27 Agus thubhairt an Tighearna, Atharraichidh mi Iudah mar an ceudna as mo shealladh, mar a dh’atharraich mi Israel, agus cuiridh mi cùl gu tur ris a’ mhòr-bhaile so Ierusalem, a thagh mi, agus ris an tigh mu’n dubhairt mi, Bithidh m’ainm an sin. 28 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iosiah, agus na h-uile nithe a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 29 ’Na laithibh-san chaidh Pharaoh-necho righ na h-Eiphit suas an aghaidh righ Asiria gu abhuinn Euphrates: agus chaidh righ Iosiah ’na aghaidh, agus mharbh esan e aig Megido ’nuair a chunnaic se e. 30 Agus ghiùlain a sheirbhisich e marbh (2) ann an carbad o Mhegido, agus thug iad e gu h-Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e ’na uaigh féin: agus ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus dh’ung iad e, agus rinn iad ’na righ e an àit athar. 31 Tri bliadhna fichead a dh’aois bha Iehoahas an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e tri mìosan ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah. 32 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn aithriche. 33 Agus chuir Pharaoh-necho e ann an cuibhreachaibh aig Riblah, ann an tìr Hamait, a chum nach rìoghaicheadh e ann an Ierusalem, agus chuir e ceud tàlann airgid, agus tàlann òir, mar chìs air an tìr. 34 Agus rinn Pharaoh-necho (1) phrosnachadh. (2) ’nuair a bha e faghail a’ bhàis. [TD 311] II. RIGH. CAIB. XXIV. Eliacim mac Iosiah ’na righ an àit Iosiah athar, agus thionndaidh e ainm gu Iehoiacim, agus thug e air falbh Iehoahas: agus thàinig e do’n Eiphit, agus dh’eug e an sin. 35 Agus thug Iehoiacim an t-airgiod agus an t-òr do Pharaoh: ach thug e fa’near an tìr a mheas a chum gu’n ìocadh iad an t-airgiod a réir àithne Pharaoih; dh’iarr e ’n t-airgiod agus an t-òr o shluagh na tìre, o gach neach a réir a mheas, gus a thabhairt do Pharaoh-necho. 36 Cùig bliadhna fichead a dh’aois bha Iehoiacim an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Sebudah, nighean Phedaiah o Rumah. 37 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn aithriche. CAIB. XXIV. ’NA laithibh-san thàinig Nebuchadneser righ Bhabiloin a nìos, agus bha Iehoiacim ’na sheirbhiseach aige tri bliadhna: an sin phill e agus rinn e ceannairc ’na aghaidh. 2 Agus chuir an Tighearna ’na aghaidh buidhnean do na Caldeanaich, agus buidhnean do na Sirianaich, agus buidhnean do na Moabaich, agus buidhnean do chloinn Amoin, agus chuir e iad an aghaidh Iudah g’a sgrios, a réir focail an Tighearn, a labhair e le sheirbhisich (1) na fàidhean. 3 Gu cinnteach air àithne an Tighearna thàinig so air Iudah, chum an atharrachadh as a shealladh air son pheacanna Mhanaseh, a réir nan uile nithe a rinn e: 4 Agus mar an ceudna air son na fola neo-chiontaich a dhòirt e; oir lìon e Ierusalem le fuil neo-chiontaich, nach maitheadh an Tighearna. 5 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehoiacim, agus na h-uile nithe a rinn e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Iudah? 6 Agus choidil Iehoiacim maille r’a aithrichibh: agus rìoghaich Iehoiachin a mhac ’na àit. 7 Agus cha d’thàinig righ na h-Eiphit ni’s mò as a thìr féin: oir ghlac righ Bhabiloin o abhuinn na h-Eiphit gus an abhuinn Euphrates, gach ni bu le righ na h-Eiphit. 8 Ochd bliadhna deug a dh’aois bha Iehoiachin an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e ann an Ierusalem tri mìosan: agus b’e ainm a mhàthar Nehusta, nighean Elnatain o Ierusalem. 9 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn athair. 10 Anns an àm sin thàinig seirbhisich Nebuchadnesair righ Bhabiloin a nìos an aghaidh Ierusaleim, agus theannaicheadh am baile. 11 Agus thàinig Nebuchadnesar righ Bhabiloin an aghaidh a’ bhaile, agus theannaich a sheirbhisich e. 12 Agus chaidh Iehoiachin righ Iudah a mach a dh’ionnsuidh righ Bhabiloin, e féin, agus a mhàthair, agus a sheirbhi- (1) le làimh a sheirbhiseacha. Eabh. [TD 312] II. RIGH. CAIB. XXV. sich, agus a cheannardan (1), agus a chaillteanaich (2): agus ghlac righ Bhabiloin e san ochdamh bliadhna d’a rìoghachadh. 13 Agus thug e mach as sin uile ionmhais tighe an Tighearna, agus ionmhais tighe an righ, agus ghearr e ’nam bloighdibh na soithichean òir uile a rinn Solamh righ Israeil ann an teampull an Tighearna, mar a labhair an Tighearna. 14 Agus thug e leis Ierusalem uile, agus na ceannardan uile, agus na daoine treun uile, deich mìle do bhraighdibh, agus an luchd-ceirde uile, agus na goibhne (3): cha d’fhan a h-aon ach bochdan sluaigh na tìre. 15 Agus thug e leis Iehoiachin do Bhabilon, agus màthair an righ, agus mnài an righ, agus a chaillteanaich, agus daoine cumhachdach na tìre, iad sin thug e leis am braighdeanas, o Ierusalem do Bhabilon: 16 Agus na daoine gaisgeil uile, seachd mìle, agus an luchd-ceirde agus na goibhnean, mìle, iadsan uile a bha comasach agus a dheanadh cogadh, eadhon iadsan thug righ Bhabiloin am braighdeanas leis do Bhabilon. 17 Agus rinn righ Bhabiloin Mataniah bràthair athar ’na righ ’na àit, agus thionndaidh e ainm gu Sedeciah. 18 Bliadhna thar fhichead a dh’aois bha Sedeciah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah. 19 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn Iehoiacim. 20 Oir tre (4) chorruich an Tighearna bha e mar sin ann an Ierusalem agus ann an Iudah, gus an do thilg e as a làthair iad: agus rinn Sedeciah ceannairc an aghaidh righ Bhabiloin. CAIB. XXV. AGUS anns an naothadh bliadhna d’a rìoghachadh, san deicheamh mìos, air an deicheamh là do’n mhìos, thàinig Nebuchadnesar righ Bhabiloin, e féin agus armailt uile, an aghaidh Ierusaleim, agus champaich e ’na h-aghaidh, agus thog iad daingnichean (5) ’na h-aghaidh mu’n cuairt. 2 Agus bha am baile air a theannachadh gus an aon bhliadhna deug do righ Shedeciah. 3 Agus air an naothadh là do’n cheathramh mìos, bhuadhaich a’ ghorta sa’ bhaile, agus cha robh aran ann do shluagh na tìre. 4 Agus bhriseadh sìos am baile, agus theich na fir chogaidh uile san oidhche, air slighe a’ gheataidh, eadar an dà bhalladh, a tha làimh re lios an righ, (a nis bha na Caldeanaich an aghaidh a’ bhaile mu’n cuairt) agus dh’imich iad (6) air an t-slighe dh’ionnsuidh a’ chòmhnaird. 5 Agus lean armailt nan Caldeanach an righ, agus rug iad air ann an còmhnardaibh Iericho: agus sgapadh armailt uile uaith. 6 Mar sin ghlac iad an righ, (1) uachdarain, a mhaithean, a dhaoine mòra. (2) luchd-dreuchd. (3) gaibhne. (4) troimh, trìd. (5) tùir. (6) dh’imich an righ. [TD 313] II. RIGH. CAIB. XXV. agus thug iad suas e dh’ionnsuidh righ Bhabiloin, gu Riblah; agus thug esan (1) breth air. 7 Agus mharbh e (2) mic Shedeciah fa chomhair a shùl, agus chuir e a shùilean a Sedeciah, agus cheangail se e le geimhlibh (3) umha, agus thug e leis e do Bhabilon (4). 8 Agus anns a’ chùigeamh mìos, air an t-seachdamh là do’n mhìos (b’i sin an naothadh bliadhna deug do righ Nebuchadnesar, righ Bhabiloin) thàinig Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain, seirbhiseach righ Bhabiloin, gu h-Ierusalem: 9 Agus loisg e tigh an Tighearna, agus tigh an righ, agus tighean Ierusaleim uile; agus gach uile thigh mòr loisg e le teine. 10 Agus leag uile armailt nan Caldeanach, a bha maille re ceannard an fhreiceadain, sìos ballacha Ierusaleim mu’n cuairt. 11 Agus a’ chuid eile do’n t-sluagh a dh’fhàgadh sa’ bhaile, agus an luchd-teichidh a chaidh thairis gu righ Bhabiloin, maille re fuigheall an t-sluaigh, thug Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain air falbh leis. 12 Ach dh’fhàg ceannard an fhreiceadain cuid do bhochdaibh na tìre, gu bhi ’nan luchd-deasachaidh fhìonainean agus ’nan treabhaichibh (5). 13 Agus na puist umha a bha ann an tigh an Tighearna, agus na buinn, agus an fhairge umha a bha ann an tigh an Tighearna, bhris na Caldeanaich ’nam bloighdibh, agus thug iad leo an umha do Bhabilon. 14 Agus na poitean, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na spàinean, agus na soithichean umha uile leis an d’rinn iad frithealadh, thug iad leo. 15 Agus na h-aighnean teine (6), agus na cuachan, na nithe a bha do òr ’na òr, agus a bha do airgiod ’na airgiod, thug ceannard an fhreiceadain air falbh. 16 Dà phost, aon fhairge, agus na buinn a rinn Solamh air son tighe an Tighearna, bha umha nan soithiche sin uile gun tomhas: 17 Ochd làmha-coille deug airde aon phuist, agus an ceann-mullaich a bh’air do umha, agus airde a’ chinn-mhullaich tri làmha-coille: agus an lìon-obair, agus na pomgranatan air a’ cheann-mhullaich mu’n cuairt, iad sin uile do umha: agus an leithide sin bha aig an dara post, maille re lìon-obair. 18 Agus ghlac ceannard an fhreiceadain Seraiah an t-ard shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na tri dorsairean. 19 Agus as a’ bhaile thug e aon chaillteanach, a bha os cionn nam fear cogaidh, agus cùignear (7) fhear dhiubhsan a bha ’n làthair an righ, a fhuaradh sa’ bhaile, agus ard scrìobhuiche na h-armailt, a bha ’g iunnsachadh cogaidh do shluagh na tìre (8), agus tri fichead fear do shluagh na tìre a fhuaradh sa’ bhaile. 20 Agus ghlac Nebusar-adan ceannard an fhreiceadain iad sin, agus thug e iad gu righ Bhabiloin do Riblah. (1) iad. (2) iad. (3) slabhraidhibh. (4) Faic Ieremiah. Caib. XXXIX. r. 6. 7. (5) tuathannaich. (6) tùiseirean. (7) cùigear. (8) a thairngeadh suas, a ghabhadh àireamh sluaigh na tìre. [TD 314] II. RIGH. CAIB. XXV. 21 Agus bhuail righ Bhabiloin iad, agus mharbh e iad aig Riblah ann an tìr Hamait. Agus thugadh Iudah air falbh as an tìr féin. 22 Agus os cionn an t-sluaigh a dh’fhàgadh ann an tìr Iudah, a dh’fhàg Nebuchadnesar righ Bhabiloin, eadhon os an cionn-san chuir e Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain. 23 Agus an uair a chual uile cheannarda nan armailt, iad féin agus an daoine, gu’n do rinn righ Bhabiloin Gedaliah ’na uachdaran, thàinig gu Gedaliah do Mhispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan mac Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit an Netophatach, agus Iaasaniah mac Mhaachataich, iad féin agus an daoine. 24 Agus mhionnaich Gedaliah dhoibh, agus d’an daoinibh, agus thubhairt e riu, Na biodh eagal oirbh a bhi ’nar seirbhisich do na Caldeanaich: gabhaibh còmhnuidh san tìr, agus deanaibh seirbhis do righ Bhabiloin, agus éiridh gu maith dhuibh. 25 Ach anns an t-seachdamh mìos, thàinig Ismael mac Netaniah, mhic Elisamah do’n t-sliochd rìoghail, agus deichnear fhear maille ris, agus bhuail iad Gedaliah air chor as gu’n d’eug e, agus na h-Iudhaich agus na Caldeanaich a bha maille ris aig Mispah. 26 Agus dh’éirich an sluagh uile eadar bheag agus mhòr, agus ceannarda nan armailt, agus thàinig iad do’n Eiphit: oir bha eagal nan Caldeanach orra. 27 Ach anns an t-seachdamh bliadhna deug thar fhichead do bhraighdeanas Iehoiachin righ Iudah, anns an dara mìos deug, air an t-seachdamh la fichead do’n mhìos, thog Ebhil-merodach righ Bhabiloin, air a’ bhliadhna anns an do thòisich e air rìoghachadh, suas ceann Iehoiachin righ Iudah a prìosun (1). 28 Agus labhair e gu caoimhneil ris, agus chuir e suas a righ-chathair os cionn righ-chathair nan righ, a bha maille ris ann am Babilon. 29 Agus mhùth e eudach-prìosuin, agus dh’ith e aran a ghnàth ’na làthair rè uile làithean a bheatha. 30 Agus bu chuibhrionn ghnàthaichte a chuibhrionn a thugadh dha o’n righ, cuid laitheil fa chomhair gach là, rè uile làithean a bheatha. (1) a tigh a’ phrìosuin. Eabh. [TD 315] Ceud Leabhar nan EACHDRAIDH. CAIB. I. ADHAMH, Set, Enos, 2 Cenan, Mahalaleel, Iered, 3 Henoch, Metuselah, Lamech, 4 Noah, Sem, Ham agus Iaphet. 5 Mic Iaphet; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras. 6 Agus mic Ghomeir; Aschenas, agus Riphat, agus Togarmah. 7 Agus mic Iabhain; Elisah, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim. 8 Mic Ham; Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canaan. 9 Agus mic Chuis; Seba, agus Habhilah, agus Sabta, agus Raamah, agus Sabtecha: agus mic Raamah; Seba agus Dedan. 10 Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhi cumhachdach air an talamh. 11 Agus ghin Misraim na Ludaich (1), agus na h-Anamaich, agus na Lehabaich, agus na Naphtuhaich, 12 Agus na Patrusaich, agus na Casluhaich, (o’n d’thàinig na Philistich) agus na Caphtoraich. 13 Agus ghin Canaan Sidon a cheud-ghin, agus Het, 14 Agus an Iebusach, agus an t-Amorach, agus an Girgasach, 15 Agus an t-Ibheach, agus an t-Archach, agus an Sineach, 16 Agus an t-Arbhadach, agus an Semarach, agus an t-Hamatach. 17 Mic Sheim; Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram; agus mic Araim Us (2), agus Hul, agus Geter, agus Mesech. 18 Agus ghin Arphacsad Selah, agus ghin Selah Eber. 19 Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin diubh Peleg, a chionn ’na laithibh-san gu’n do roinneadh an talamh; agus ainm a bhràthar Ioctan. 20 Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hasarmabhet, agus Ierah, 21 Agus Hadoram, agus Usal, agus Diclah, 22 Agus Ebal (3), agus Abimael, agus Seba, 23 Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab. B’iad sin uile mic Ioctain. 24 Sem, Arphacsad, Selah, 25 Eber, Peleg, Reu, 26 Serug, Nahor, Terah, 27 Abram, is e sin Abraham. 28 Mic Abrahaim; Isaac agus Ismael. (1) Ludim. Eabh. (2) Faic Gen. Caib. X. r. 23. (3) Obal. [TD 316] I. EACHDRAIDH. CAIB. I. 29 Is iad so an ginealaichean: Ceud-ghin Ismaeil, Nebaiot; an sin Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam, 30 Misma, agus Dumah, Masa, Hadad, agus Tema, 31 Ietur, Naphis, agus Cedemah. Is iad sin mic Ismaeil. 32 Agus mic Cheturah, coimh-leabaich (1) Abrahaim: rug ise Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. Agus mic Iocsain; Seba, agus Dedan. 33 Agus mic Mhidiain; Ephah, agus Epher, agus Henoch, agus Abida, agus Eldaah. Is iad sin uile mic Cheturah. 34 Agus ghin Abraham Isaac. Mic Isaaic; Esau agus Israel. 35 Mic Esau; Eliphas, Reuel, agus Ieus, agus Iaalam, agus Corah. 36 Mic Eliphais; Teman, agus Omar, Sephi, agus Gatam, agus Cenas: agus rug Timna, coimh-leabach Eliphais, dha Amalec (2). 37 Mic Reueil; Nahat, Serah, Sama, agus Midsah. 38 Agus mic Sheir; Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah, agus Dison, agus Eser, agus Disan. 39 Agus mic Lotain; Hori, agus Homam: agus b’i Timna piuthar Lotain. 40 Mic Shobail; Alian, agus Manahat, agus Ebal, Sephi, agus Onam. Agus mic Shibeoin; Aiah, agus Anah. 41 Mic Anah; Dison. Agus mic Dhisoin; Amran, agus Esban, agus Itran, agus Cheran. 42 Mic Eseir; Bilhan, agus Sabhan, agus Iacan. Mic Dhisain; Us, agus Aran. 43 A nis is iad so na righrean a rìoghaich ann an tìr Edoim, mun do rìoghaich righ air bith os cionn chloinn Israeil; Bela mac Bheoir: agus b’e ainm a bhaile (3) Dinhabah. 44 Agus dh’eug Bela; agus rìoghaich Iobab, mac Sherah o Bhosrah, ’na àit. 45 Agus dh’eug Iobab; agus rìoghaich ’na àite Husam o thìr nan Temanach. 46 Agus dh’eug Husam; agus rìoghaich Hadad mac Bhedaid (a bhuail Midian ann am machair Mhoaib) ’na àit: agus b’e ainm a bhaile Abhit. 47 Agus dh’eug Hadad; agus rìoghaich Samlah o Mhasrecah ’na àit. 48 Agus dh’eug Samlah; agus rìoghaich Saul o Rehobot làimh ris an abhuinn ’na àit. 49 Agus dh’eug Saul; agus rìoghaich Baal-hanan mac Achboir ’na àit. 50 Agus dh’eug Baal-hanan; agus rìoghaich Hadad ’na àit: agus b’e ainm a bhaile Pau (4); agus b’e ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid, nighinn Mhesahaib. 51 Dh’eug Hadad mar an ceudna. Agus b’iad cinn-fheadhna (5) Edoim; ceann-feadhna Timna, ceann-feadhna Aluah (6), ceann-feadhna Ietet, 52 Ceann-feadhna Aholibamah, ceann-feadhna Elah, ceann-feadhna Pinon, 53 Ceann-feadhna Cenas, (1) leannain. (2) Cenas, agus Timna, agus Amalec. Faic Gen. Caib. XXXVI. r. 12. (3) a chaithreach, a bhaile mhòir. (4) Pai. (5) ceannarda. (6) Aliah. [TD 317] I. EACHDRAIDH. CAIB. II. ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Mibsar, 54 Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadhna Iram. Is iad sin cinn-fheadna Edoim. CAIB. II. IS iad so mic Israeil; Reuben, Simeon, Lebhi, agus Iudah, Isachar, agus Sebulun, 2 Dan, Ioseph, agus Beniamin, Naphtali, Gad, agus Aser. 3 Mic Iudah; Er, agus Onan, agus Selah: an triuir so rugadh dha le nighinn Shuah a’ Bhan-chanaanaich. Agus bha Er ceud-ghin Iudah olc ann an sùilibh an Tighearna, agus mharbh se e. 4 Agus rug Tamar a bhan-chliamhuin dha Phares agus Serah. B’iad uile mhic Iudah cùignear. 5 Mic Phareis; Hesron agus Hamul. 6 Agus mic Sherah; Simri, agus Etan, agus Heman, agus Calcol, agus Dara: cùignear diubh uile. 7 Agus mic Charmi; Achar, fear-buaireis (1) Israeil, a chiontaich anns an ni mhallaichte. 8 Agus mic Etain; Asariah. 9 Agus mic Hesroin, a rugadh dha; Ierahmeel, agus Ram, agus Chelubai. 10 Agus ghin Ram Aminadab, agus ghin Aminadab Nahson, ceannard chloinn Iudah. 11 Agus ghin Nahson Salma, agus ghin Salma Boas, 12 Agus ghin Boas Obed, agus ghin Obed Iese, 13 Agus ghin Iese a cheud-ghin Eliab, agus Abinadab an dara mac, agus Sima an treas, 14 Netaneel an ceathramh, Radai an cùigeadh, 15 Osem an seathadh, Daibhidh an seachdamh (2): 16 Agus b’iad am peathraiche-san Seruiah agus Abigail. Agus mic Sheruiah; Abisai, agus Ioab, agus Asahel, triuir. 17 Agus rug Abigail Amasa: agus b’e athair Amasa, Ieter an t-Ismeeleach. 18 Agus ghin Caleb mac Hesroin re Asubah a mhnaoi, Ieriot (3): b’iad so mar an ceudna a mic, Ieser, agus Sobab, agus Ardon. 19 Agus an uair a bha Asubah marbh, ghabh Caleb d’a ionnsuidh Ephrat, a rug Hur dha. 20 Agus ghin Hur Uri, agus ghin Uri Besaleel. 21 Agus ’na dhéigh sin chaidh Hesron a steach a dh’ionnsuidh nighinn Mhachir, athar Ghilead, agus ghabh e i ’nuair a bha e tri fichead bliadhna dh’aois, agus rug i dha Segub. 22 Agus ghin Segub Iair, aig an robh tri thar fhichead do bhailtibh mòra (4) ann an tìr Ghilead. 23 Agus thug e Gesur agus Aram le bailtibh Iair uatha, maille re Cenat agus a bhailtibh, eadhon tri fichead baile mòr: bhuin iad sin uile do mhacaibh Mhachir, athar Ghilead. 24 Agus an déigh do Hesron bàs fhaghail ann an Caleb-ephratah, an sin rug Abiah bean Hesroin Asur athair Thecoah dha. 25 Agus b’iad mic Ierahmeeil ceud-ghin, Hesroin, Ram an (1) fear-tuairgneadh. (2) Elihu an seachdamh, Daibhidh an t-ochdamh. (3) agus Ieriot. (4) chaithrichibh, bhailtibh daingnichte. [TD 318] I. EACHDRAIDH. CAIB. II. ceud-ghin, agus Bunah, agus Oren, agus Osem, agus Ahiah. 26 Bha mar an ceudna bean eile aig Ierahmeel, d’am b’ainm Atarah: b’ise màthair Onaim. 27 Agus b’iad mic Ram ceud-ghin Ierahmeeil, Maas, agus Iamin, agus Ecer. 28 Agus b’iad mic Onaim, Samai, agus Iada. Agus mic Shamai; Nadab agus Abisur. 29 Agus b’e ainm mnà Abisuir, Abihail, agus rug i dha Ahban agus Molid. 30 Agus mic Nadaib; Seled agus Apaim: ach fhuair Seled bàs gun chlann. 31 Agus mic Apaim; Isi. Agus mic Isi; Sesan. Agus mic Shesain; Ahlai. 32 Agus mic Iada bràthar Shamai; Ieter, agus Ionatan: agus fhuair Ieter bàs gun chlann. 33 Agus mic Ionatain; Pelet, agus Sasa. B’iad sin mic Ierahmeeil. 34 A nis cha robh aig Sesan mic, ach nigheana: agus bha aig Sesan òglach, Eiphiteach, d’am b’ainm Iarha. 35 Agus thug Sesan a nighean d’a òglach Iarha ’na mnaoi: agus rug i dha Atai. 36 Agus ghin Atai Natan, agus ghin Natan Sabad, 37 Agus ghin Sabad Ephlal, agus ghin Ephlal Obed, 38 Agus ghin Obed Iehu, agus ghin Iehu Asariah, 39 Agus ghin Asariah Heles, agus ghin Heles Eleasah, 40 Agus ghin Eleasah Sisamai, agus ghin Sisamai Salum, 41 Agus ghin Salum Iecamiah, agus ghin Iecamiah Elisama. 42 A nis b’iad mic Chaleib bràthar Ierahmeeil, Mesa a cheud-ghin; b’esan athair Shiph: agus mic Mharesah athar Hebroin (1). 43 Agus mic Hebroin; Corah, agus Tapuah, agus Recem, agus Sema. 44 Agus ghin Sema Raham, athair Iorcoaim: agus ghin Recem Samai. 45 Agus b’e mac Shamai Maon: agus b’e Maon athair Bhet-suir. 46 Agus rug Ephah coimh-leabach Chaleib Haran, agus Mosa, agus Gases: agus ghin Haran Gases. 47 Agus mic Iahdai; Regem, agus Iotam, agus Gesan, agus Pelet, agus Ephah, agus Saaph. 48 Rug Maachah coimh-leabach Chaleib Seber agus Tirhanah. 49 Rug i mar an ceudna Saaph athair Mhadmanah, Sebhah athair Mhachbenah, agus athair Ghibeah: agus b’i nighean Chaleib Achsa. 50 B’iad so mic Chaleib mhic Huir, ceud-ghin Ephratah; Sobal athair Chiriat-iearim, 51 Salma athair Bhetlehem, Hareph athair Bhetgadeir. 52 Agus bha aig Sobal athair Chiriat-iearim mic; Haroeh, Hatsi, Hameniot (2). 53 Agus teaghlaiche Chiriat-iearim; na h-Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uatha-san thàinig na Sareataich, agus na h-Estaulaich. 54 Mic Shalma; Betlehem, agus na Netophataich, Atarot, (1) agus mic Shiph; Maresah athair Hebroin. (2) agus leth nam Manaheteach. [TD 319] I. EACHDRAIDH. CAIB. III. tigh Ioaib, agus leth nam Manaheteach, na Soraich. 55 Agus teaghlaichean nan scrìobhuich a bha chòmhnuidh aig Iabes; na Tirataich, na Simeataich, agus na Suchataich. Is iad sin na Cenich a thàinig o Hemat, athair tighe Rechaib. CAIB. III. A NIS b’iad so mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ceud-ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan-iesreeleach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan-charmeleach: 2 An treas mac, Absalom mac Mhaachah, nighinn Thalmai righ Ghesuir: an ceathramh, Adoniah mac Hagit: 3 An cùigeadh, Sephatiah o Abital: an seathadh, Itream le Eglah a mhnaoi. 4 Rugadh an t-sèathnar sin dha ann an Hebron, agus ann an sin rìoghaich e seachd bliadhna agus sè mìosan: agus ann an Ierusalem rìoghaich e tri bliadhna deug thar fhichead. 5 Agus rugadh iad so dha ann an Ierusalem; Simea, agus Sobab, agus Natan, agus Solomon, ceathrar, o Bhatseba (1) nighinn Amieil: 6 Ibhar mar an ceudna, agus Elisama (2), agus Eliphelet, 7 Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia, 8 Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphelet (3), naonar. 9 B’iad sin mic Dhaibhidh uile, a bhàrr air macaibh nan coimh-leabach, agus Tamar am piuthar. 10 Agus b’e mac Sholomoin Rehoboam, Abia a mhac-san, Asa a mhac-san, Iehosaphat a mhac-san, 11 Ioram a mhac-san, Ahasiah a mhac-san, Ioas a mhac-san, 12 Amasiah a mhac-san, Asariah (4) a mhac-san, Iotam a mhac-san, 13 Ahas a mhac-san, Heseciah a mhac-san, Manaseh a mhac-san, 14 Amon a mhac-san, Iosiah a mhac-san. 15 Agus b’iad mic Iosiah; an ceud-ghin Iohanan, an dara mac Iehoiacim, an treas mac Sedeciah, an ceathramh Salum. 16 Agus mic Iehoiacim; Ieconiah a mhac, Sedeciah a mhac. 17 Agus mic Ieconiah; Asir, Salatiel a mhac, 18 Agus Malchiram, agus Pedaiah, agus Senasar, Iecamiah, Hosama, agus Nedabiah. 19 Agus b’iad mic Phedaiah Serubabel, agus Simei: agus mic Sherubabeil, Mesulam, agus Hananiah, agus Selomit am piuthar: 20 Agus Hasubah, agus Ohel, agus Berechiah, agus Hasadiah, Iusab-hesed, cùignear. 21 Agus mic Hananiah; Pelatiah, agus Iesaiah a mhac-san, Rephaiah a mhac-san, Arnan a mhac-san, Obadiah a mhac-san, Sechaniah a mhac-san (5). 22 Agus mic Shechaniah; Semaiah: agus mic Shemaiah; Hatus agus Igeal, agus Bariah, (1) Bhetsua. (2) Elisua. (3) Eliphala. (4) Udsiah. (5) Pelatiah, agus Iesaiah: mic Rephaiah, mic Arnain, mic Obadiah, mic Shechaniah. [TD 320] I. EACHDRAIDH. CAIB. IV. agus Neariah, agus Saphat, sèathnar. 23 Agus mic Neariah; Elioenai, agus Heseciah, agus Asricam, triuir. 24 Agus b’iad mic Elioenai, Hodaiah, agus Eliasib, agus Pelaiah, agus Acub, agus Iohanan, agus Dalaiah, agus Anani, seachdnar. CAIB. IV. MIC Iudah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal. 2 Agus ghin Reaiah mac Shobail Iahat, agus ghin Iahat Ahumai, agus Lahad. Is iad sin teaghlaiche nan Soratach. 3 Agus thàinig iad so o athair Etaim; Iesreel, agus Isma, agus Idbas: agus b’e ainm am peathar Haselelponi. 4 Agus Penuel athair Ghedoir, agus Eser athair Husah. Is iad sin mic Huir, ceud-ghin Ephratah, athar Bhetleheim. 5 Agus bha aig Asur athair Thecoah dà mhnaoi, Helah agus Naarah. 6 Agus rug Naarah dha Ahusam, agus Hepher, agus Temeni, agus Haahastari. B’iad sin mic Naarah. 7 Agus b’iad mic Helah, Seret, agus Iesoar, agus Etnan. 8 Agus ghin Cos Anub, agus Sobebah, agus teaghlaichean Aharheil, mhic Haruim. 9 Agus bha Iabes ni b’urramaiche na a bhràithrean: agus thug a mhàthair Iabes a dh’ainm air, ag ràdh, A chionn gu’n d’rug mi e le doilgheas. 10 Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gu’m beannaicheadh tu mi da rìreadh, agus gu’n cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gu’m biodh do làmh leam, agus gu’n gleidheadh tu mi o olc, a chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an ni sin a ghuidh e. 11 Agus ghin Chelub bràthair Shuah Mehir: b’esan athair Estoin. 12 Agus ghin Eston Betrapha, agus Paseah, agus Tehinah athair Ir-nahais. Is iad sin fir Rechah. 13 Agus mic Chenais; Otniel, agus Seraiah: agus mic Otnieil; Hatat. 14 Agus ghin Meonotai Ophrah: agus ghin Seraiah Ioab, athair muinntir glinne Charasaim; oir bu luchd-ceirde iad. 15 Agus mic Chaleib mhic Iephuneh; Iru, Elah, agus Naam: agus mic Elah; Cenas. 16 Agus mic Iehaleleeil; Siph, agus Siphah, Tiria, agus Asareel. 17 Agus b’iad mic Esra, Ieter, agus Mered, agus Epher, agus Ialon: agus rug i Miriam, agus Samai, agus Isbah athair Estemoa. 18 Agus rug a bhean Iehudiah Iered athair Ghedoir, agus Heber athair Shocho, agus Iecutiel athair Shanoah. Agus is iad sin mic Bhitiah nighinn Pharaoh, a ghabh Mered ’na mnaoi. 19 Agus mic a mhnà Hodiah, peathar Nahaim, athar Cheilah a’ Gharmaich, agus Estemoa a’ Mhaachataich. 20 Agus b’iad mic Shimoin, Amnon, agus Rinah, Ben-hanan, agus Tilon. Agus b’iad mic Isi, Sohet, agus Ben-sohet. [TD 321] I. EACHDRAIDH. CAIB. IV. 21 B’iad mic Shelah mhic Iudah, Er athair Lecah, agus Laadah athair Mharesah, agus teaghlaichean tighe na muinntir a dh’oibrich anart grinn do thigh Asbea. 22 Agus Iocim, agus daoine Choseba, agus Ioas, agus Saraph, aig an robh an uachdaranachd ann am Moab, agus Iasubi-lehem. Agus is seann nithe iad sin. 23 B’iad sin na criadhadairean, agus iadsan a chòmhnuich am measg lusan agus ghàraichean: maille ris an righ ’na obair dh’fhan iad an sin. 24 B’iad mic Shimeoin, Nemuel, agus Iamin, Iarib, Serah, agus Saul: 25 Salum a mhac-san, Mibsam a mhac-san, Misma a mhac-san. 26 Agus mic Mhisma; Hamuel a mhac, Sachur a mhac-san, Simei a mhac-san. 27 Agus bha aig Simeon sè mic deug agus sèathnar (1) nighean; ach aig a bhràithribh cha robh mòran cloinne, agus cha deachaidh an teaghlaichean uile an lìonmhoireachd, cosmhuil re cloinn Iudah. 28 Agus chòmhnuich iad ann am Beer-seba, agus Moladah, agus Hasar-sual, 29 Agus ann am Bilhah, agus ann an Esem, agus ann an Tolad, 30 Agus ann am Betuel, agus ann an Hormah, agus ann an Siclag, 31 Agus ann am Bet-marcabot, agus ann an Hasar-susim, agus ann am Bet-birei, agus ann an Saaraim: B’iad sin am bailte mòra, gus an do rìoghaich Daibhidh, maille re’m bailtibh beaga. 32 Etam mar an ceudna, agus Ain, Rimon, agus Tochen, agus Asan, cùig bailte mòra; 33 Agus am frith-bhailtean uile a bha mu’n cuairt air na mòr-bhailtibh sin gu ruig Baal. B’iad sin an ionaid-tàimh, agus an sloinnteireachd. 34 Agus Mesobab, agus Iamlech, agus Iosah mac Amasiah, 35 Agus Ioel, agus Iehu mac Iosibiah, mhic Sheraiah, mhic Asieil, 36 Agus Elioenai, agus Iaacobah, agus Iesohaiah, agus Asaiah, agus Adiel, agus Iesimiel, agus Benaiah, 37 Agus Sisa mac Shiphi, mhic Aloin, mhic Iedaiah, mhic Shimri, mhic Shemaiah. 38 Bha iad sin a tha air an aithris air an ainmibh ’nan ceannardaibh ’nan teaghlaichibh féin: agus ann an tigh an aithriche mheudaich iad gu mòr (2). 39 Agus chaidh iad gu ruig dol a steach Ghedoir, eadhon gu ruig taobh an ear a’ ghlinne, a dh’iarraidh ionaltraidh d’an treudaibh. 40 Agus fhuair iad ionaltradh reamhar agus maith, agus bha an tìr farsaing, agus sàmhach, agus sìochail; oir bha sliochd Ham a chòmhnuidh an sin roimhe. 41 Agus thàinig iadsan a tha scrìobhta air an ainm, ann an laithibh Heseciah righ Iudah, agus bhuail iad am bùthan agus na h-ionada-còmhnuidh (3) a (1) seisear. (2) mheudaich tigh an aithriche gu mòr. (3) meunim. Eabh. [TD 322] I. EACHDRAIDH. CAIB. V. fhuaradh (1) an sin, agus chuir iad as doibh gu tur gus an la’n diugh, agus ghabh iad còmhnuidh ’nan àite; a chionn gu’n robh ionaltradh an sin d’an treudaibh. 42 Agus chaidh cuid diubh, eadhon do mhacaibh Shimeoin, cùig ceud fear, gu sliabh Sheir; agus Pelatiah, agus Neariah, agus Rephaiah, agus Udsiel, mic Isi air an ceann. 43 Agus bhuail iad am fuigheall a chaidh as do Amalec, agus chòmhnuich iad an sin gus an là’n diugh. CAIB. V. A NIS b’iad mic Reubein, ceud-ghin Israeil (oir b’esan an ceud-ghin, ach a chionn gu’n do thruaill e leabadh athar, thugadh a chòir-bhreithe do mhacaibh Ioseiph mhic Israeil: agus cha ’n’eil na ginnealacha gu bhi air an àireamh a réir na còir-bhreithe. 2 Oir bhuadhaich Iudah air a bhràithribh, agus uaith-san thàinig an t-ard riaghladair, ach bu le Ioseph a’ chòir-bhreithe) 3 Mic Reubein, ceud-ghin Israeil; Hanoch, agus Palu, Hesron, agus Carmi. 4 Mic Ioeil; Semaiah a mhac, Gog a mhac-san, Simei a mhac-san, 5 Micah a mhac-san, Reaia a mhac-san, Baal a mhac-san, 6 Beerah a mhac-san, a thug Tiglat-pilneser, righ Asiria, air falbh leis (2): b’esan uachdaran nan Reubeneach. 7 Agus bha a bhràithrean a réir an teaghlaiche (’n uair a dh’àirmheadh an sloinnte a réir an ginealacha) ’nan cinn-fheadhna, Ieiel, agus Sechariah, 8 Agus Bela mac Asais, mhic Shema, mhic Ioeil, aig an robh a chòmhnuidh ann an Aroer, eadhon gu ruig Nebo, agus Baal-meon. 9 Agus a làimh na h-airde ’n ear chòmhnuich e gu ruig dol a steach an fhàsaich o’n abhuinn Euphrates; a chionn gu’n d’fhàs an spréidh ro-lìonmhor ann am fearann Ghilead. 10 Agus ann an laithibh Shauil rinn iad cogadh ris na Hagaraich, a thuit le’n làimh: agus chòmhnuich iad ’nam bùthaibh-san air feadh uile aghaidh na h-aird’ an ear do Ghilead. 11 Agus chòmhnuich clann Ghad thall fa’n comhair, ann an tìr Bhasain gu ruig Salchah: 12 Ioel an ceann (3), agus Saphan a b’fhaigse (4), agus Iaanai, agus Saphat ann am Basan. 13 Agus b’iad am bràithre do thigh an aithriche, Michael, agus Mesulam, agus Seba, agus Iorai, agus Iachan, agus Sia, agus Heber, seachdnar. 14 Is iad sin clann Abihail mhic Huri, mhic Ieroah, mhic Ghilead, mhic Mhichaeil, mhic Iesisai, mhic Iahdo, mhic Bhuis: 15 Ahi mac Abdieil, mhic Ghuni, ceann tighe an aithriche. 16 Agus ghabh iad còmhnuidh ann an Gilead, ann am Basan, agus ’na bhailtibh, agus ann an uile fhearann chomh-roinn (5) Sharoin, air an crìochaibh. 17 Dh’àirmheadh iad sin uile (1) fhuaras. (2) air falbh leis ann am braighdeanas. (3) ceann-feadhna, ceannard, prìomh-fhear. (4) an t-ath-fhear. (5) ann an uile mhach-bhailtibh, iomall-bhailtibh. [TD 323] I. EACHDRAIDH. CAIB. VI. le sloinnteireachd ann an laithibh Iotaim righ Iudah, agus ann an laithibh Ieroboaim righ Israeil. 18 Bha mic Reubein, agus na Gadaich, agus leth thréibh Mhanaseh, do fhearaibh treuna (1), fir chomasach gu sgiath agus claidheamh iomchar, agus gu tilgeadh le bogha, agus teòma air cogadh, ceithir agus dà fhichead mìle, agus seachd ceud agus tri fichead an àireamh, a chaidh a mach gu cogadh. 19 Agus rinn iad cogadh ris na Hagaraich, agus re Ietur, agus Nephis, agus Nodab; 20 Agus chuidicheadh leo ’nan aghaidh, agus thugadh thairis ’nan làimh na Hagaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’éigh iad re Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan le’n guidhe, a chionn gu’n d’earb iad as. 21 Agus thug iad leo am feudail; d’an càmhalaibh deich agus dà fhichead mìle, agus do chaoiribh dà cheud agus leth-cheud mìle, agus do asalaibh dà mhìle, agus do dhaoinibh (2) ceud mìle: 22 Oir thuit mòran sìos air am marbhadh (3), a chionn gu’n robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnuidh ’nan àite gu ruig am braighdeanas. 23 Agus chòmhnuich clann leth thréibh Mhanaseh anns an tìr, o Bhàsan gu Baal-hermon, agus Senir, agus gu sliabh Hermoin; agus dh’fhàs iad lìonmhor. 24 Agus b’iad so cinn tighe an aithriche, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail (4), cinn tighe an aithriche. 25 Ach chiontaich iad an aghaidh Dhé an aithriche, agus chaidh iad le strìopachas an déigh dhée muinntir na tìre, a sgrios Dia rompa. 26 Agus dhùisg Dia Israeil suas spiorad Phul righ Asiria, agus spiorad Thilgat-pilneseir righ Asiria, agus thug e leis iad (eadhon na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth thréibh Mhanaseh) agus thug e iad gu Halah, agus Habor, agus Hara, agus gu abhuinn Ghosain, gus an la’n diugh. CAIB. VI. MIC Lebhi; Gerson, Cohat, agus Merari. 2 Agus mic Chohait; Amram, Ishar, agus Hebron, agus Udsiel. 3 Agus mic Amraim; Aaron, agus Maois, agus Miriam. Agus mic Aaroin; Nadab, agus Abihu, Eleasar, agus Itamar. 4 Ghin Eleasar Phinehas, agus ghin Phinehas Abisua, 5 Agus ghin Abisua Buci, agus Buci Udsi, 6 Agus ghin Udsi Serahiah, agus ghin Serahiah Meraiot, 7 Ghin Meraiot Amariah, agus ghin Amariah Ahitub, 8 Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Ahimaas, 9 Agus ghin Ahimaas Asariah, agus ghin Asariah Iohanan, 10 Agus ghin Iohanan Asa- (1) do mhic gaisge. Eabh. (2) anamaibh dhaoine. Eabh. (3) a chaidh leònadh. (4) ainmeil. [TD 324] I. EACHDRAIDH. CAIB. VI. riah (esan a bha frithealadh ann an dreuchd an t-sagairt anns an tigh a thog Solamh ann an Ierusalem) 11 Agus ghin Asariah Amariah, agus ghin Amariah Ahitub, 12 Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Salum, 13 Agus ghin Salum Hilciah, agus ghin Hilciah Asariah, 14 Agus ghin Asariah Seraiah, agus ghin Seraiah Iehosadac. 15 Agus chaidh Iehosadac am braighdeanas, an uair a thug an Tighearn air falbh Iudah agus Ierusalem le làimh Nebuchadnesair. 16 Mic Lebhi; Gersom, Cohat, agus Merari. 17 Agus is iad so ainmeanna mhac Ghersoim; Libni, agus Simei. 18 Agus b’iad mic Chohait Amram agus Ishar, agus Hebron, agus Udsiel. 19 Mic Mherari; Mahli, agus Musi. Agus is iad so teaghlaichean nan Lebhitheach, a réir an aithriche: 20 O Ghersom; Libni a mhac, Iahat a mhac-san, Simah a mhac-san, 21 Ioah a mhac-san, Ido a mhac-san, Serah a mhac-san, Ieaterai a mhac-san. 22 Mic Chohait; Aminadab a mhac, Corah a mhac-san, Asir a mhac-san, 23 Elcanah a mhac-san, agus Ebiasaph a mhac-san, agus Asir a mhac-san, 24 Tahat a mhac-san, Uriel a mhac-san, Udsiah a mhac-san, agus Saul a mhac-san. 25 Agus mic Elcanah; Amasai, agus Ahimot: 26 Elcanah a mhac-san (1), Sophai a mhac-san, agus Nahat a mhac-san, 27 Eliab a mhac-san, Ieroham a mhac-san, Elcanah a mhac-san. 28 Agus mic Shamueil; an ceud-ghin Ioel, agus an dara Abiah (2). 29 Mic Mherari; Mahli, Libni a mhac-san, Simei a mhac-san, Udsa a mhac-san, 30 Simei a mhac-san, Hagiah a mhac-san, Asaiah a mhac-san. 31 Agus is iad sin iadsan a chuir Daibhidh os cionn seirbhis a’ chiuil (3) ann an tigh an Tighearna, an déigh do’n àirc fois fhaghail. 32 Agus bha iad a’ frithealadh fa chomhair pàilliuin bùtha a’ choi’-thionail le ceòl (4) gus an do thog Solamh tigh an Tighearn ann an Ierusalem: agus an sin dh’fheith iad air an dreuchd a réir an orduigh. 33 Agus is iad so iadsan a bha feitheamh, le’n cloinn: do mhacaibh nan Cohatach; Heman am fear-ciuil (5), mac Ioeil, mhic Shemueil, 34 Mhic Elcanah, mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah, 35 Mhic Shuph, mhic Elcanah, mhic Mhahait, mhic Amasai, 36 Mhic Elcanah, mhic Ioeil, mhic Asariah, mhic Shephaniah, 37 Mhic Thahait, mhic Asir, (1) Elcanah: mic Elcanah. (2) mic Shamueil; an ceud-ghin Bhasni, agus Abiah. (3) na cantaireachd. (4) le seinn. (5) an t-òranaich, am fear-seinn. [TD 325] I. EACHDRAIDH. CAIB. VI. mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, 38 Mhic Ishair, mhic Chohait, mhic Lebhi, mhic Israeil. 39 Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis) eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea, 40 Mhic Mhichaeil, mhic Mhaaseiah, mhic Mhalchiah, 41 Mhic Etni, mhic Sherah, mhic Adaiah, 42 Mhic Etain, mhic Shimah, mhic Shimei, 43 Mhic Iahait, mhic Ghersoin, mhic Lebhi. 44 Agus am bràithre mic Mherari air an làimh chli; Etan mac Chisi, mhic Abdi, mhic Mhaluich, 45 Mhic Hasabiah, mhic Amasiah, mhic Hilciah, 46 Mhic Amasi, mhic Bhani, mhic Shameir, 47 Mhic Mhahli, mhic Mhusi, mhic Mherari, mhic Lebhi. 48 Dh’orduicheadh mar an ceudna am bràithre na Lebhithich chum gach uile ghné sheirbheis pàilliuin tighe Dhé. 49 Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartais air altair na h-ìobairt-loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’orduicheadh iad chum uile oibre an ionaid ro-naomha, agus a chum réite a dheanamh air son Israeil, a réir gach ni a dh’àithn Maois òglach Dhé. 50 Agus is iad so mic Aaroin, Eleasar a mhac, Phinehas a mhac-san, Abisua a mhac-san, 51 Buci a mhac-san, Udsi a mhac-san, Serahiah a mhac-san, 52 Meraiot a mhac-san, Amariah a mhac-san, Ahitub a mhac-san, 53 Sadoc a mhac-san, Ahimaas a mhac-san. 54 Agus is iad so an àiteacha-còmhnuidh, air feadh an lùchairte (1) ’nan crìochaibh, do mhacaibh Aaroin, do theaghlaichibh nan Cohatach: oir bu leo-san an crannchur. 55 Agus thug iad dhoibh Hebron ann an tìr Iudah, agus fhearann comh-roinn (2) mu’n cuairt air. 56 Ach achanna a’ bhaile, agus a fhrith-bhailte (3) thug iad do Chaleb mac Iephuneh. 57 Agus do mhacaibh Aaroin thug iad bailte; Hebron am baile dìdein (4), agus Libnah le fhearann comh-roinn, agus Iatir, agus Estemoa le fhearann comh-roinn, 58 Agus Hilen le fhearann comh-roinn, Debir le fhearann comh-roinn, 59 Agus Asan le fhearann comh-roinn, agus Betsemes le fhearann comh-roinn. 60 Agus o thréibh Bheniamin; Geba le fhearann comh-roinn, agus Alemet le fhearann comh-roinn, agus Anatot le fhearann comh-roinn. B’iad am bailtean (5) uile air feadh an teaghlaichean, tri bailte deug. 61 Agus do mhacaibh Chohait a dh’fhàgadh do theaghlach an tréibh sin, thugadh o’n leth thréibh, eadhon leth thréibh Mhanaseh, le crannchur, deich bailte. 62 Agus do mhacaibh Ghersoim air feadh an teaghlaiche, (1) caistealan. (2) iomall-bhailte, a dhlùth-bhailte, sho-bhailte; suburbs. Sasg. (3) a bhailte beaga. (4) thug iad bailte Iudah, eadhon Hebron am baile didein. (5) an caithriche, am mòr-bhailte. [TD 326] I. EACHDRAIDH. CAIB. VII. thugadh o thréibh Isachair, agus o thréibh Aseir, agus o thréibh Naphtali, agus o thréibh Mhanaseh ann am Basan, tri bailte deug. 63 Do mhacaibh Mherari air feadh an teaghlaiche, o thréibh Reubein, agus o thréibh Ghad, agus o thréibh Shebuluin, thugadh le crannchur dà bhaile dheug. 64 Agus thug clann Israeil do na Lebhithich na bailte sin le’m fearann comh-roinn. 65 Agus thug iad le crannchur o thréibh chloinn Iudah, agus o thréibh chloinn Shimeoin, agus o thréibh chloinn Bheniamin, na bailte sin a ghairmear air an ainmibh. 66 Agus bha aig a’ chuid eile do theaghlaichibh mhac Chohait bailte an crìch o thréibh Ephraim. 67 Agus thug iad dhoibh do na bailtibh dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le fhearann comh-roinn: Geser mar an ceudna le fhearann comh-roinn, 68 Agus Iocmeam le fhearann comh-roinn, agus Bet-horon le fhearann comh-roinn, 69 Agus Aialon le fhearann comh-roinn, agus Gat-rimon le fhearann comh-roinn; 70 Agus o leth thréibh Mhanaseh, Aner le fhearann comh-roinn, agus Bileam le fhearann comh-roinn, air son teaghlaich chloinn Chohait a dh’fhàgadh. 71 Do mhacaibh Ghersoim thugadh o theaghlach leth-thréibh Mhanaseh, Golan ann am Basan le fhearann comh-roinn, agus Astarot le fhearann comh-roinn: 72 Agus o thréibh Isachair; Cedes le fhearann comh-roinn, Daberat le fhearann comh-roinn, 73 Agus Ramot le fhearann comh-roinn, agus Anem le fhearann comh-roinn: 74 Agus o thréibh Aseir; Masal le fhearann comh-roinn, agus Abdon le fhearann comh-roinn, 75 Agus Hucoc le fhearann comh-roinn, agus Rehob le fhearann comh-roinn: 76 Agus o thréibh Naphtali; Cedes ann an Galile le fhearann comh-roinn, agus Hamon (1) le fhearann comh-roinn, agus Ciriataim le fhearann comh-roinn. 77 Do’n chuid eile do chloinn Mherari thugadh o thréibh Shebuluin, Rimon le fhearann comh-roinn, Tabor le fhearann comh-roinn: 78 Agus air taobh thall Iordain làimh re (2) Iericho, air an taobh an ear do Iordan, thugadh dhoibh o thréibh Reubein, Beser anns an fhàsach le fhearann comh-roinn, agus Iahsah le fhearann comh-roinn, 79 Agus Cedemot le fhearann comh-roinn, agus Mephaat le fhearann comh-roinn: 80 Agus o thréibh Ghad; Ramot ann an Gilead le fhearann comh-roinn, agus Mahanaim le fhearann comh-roinn, 81 Agus Hesbon le fhearann comh-roinn, agus Iaser le fhearann comh-roinn. CAIB. VII. A NIS b’iad mic Isachair, Tola, agus Puah, Iasub, agus Simron, ceathrar. 2 Agus mic Thola; Udsi, agus Rephaiah, agus Ieriel, agus (1) Hamot. Iosua. Caib. XXI. r. 32. (2) fa chomhair. [TD 327] I. EACHDRAIDH. CAIB. VII. Iahmai, agus Ibsam, agus Semuel, cinn tighe an aithriche, eadhon Thola: daoine treun ’nan ginealachaibh, d’am b’àireamh ann an laithibh Dhaibhidh dà mhìle thar fhichead agus sè ceud. 3 Agus mic Udsi; Israhiah: agus mic Israhiah; Michael, agus Obadiah, agus Ioel, agus Isiah, cùignear, iad uile ’nan ceannaibh tighe: 4 Agus aca-san, a réir an ginealacha, a réir tighe an aithriche, bha buidhnean shaighdeir (1) gu cogadh, sè mìle deug thar fhichead fear: oir bha iomadh bean agus mac aca. 5 Agus bha am bràithrean am measg uile theaghlaichean Isachair ’nan daoinibh treun (2), air an àireamh san iomlan a réir an ginealacha ’nan seachd agus ceithir fichead mìle. 6 Mic Bheniamin; Bela, agus Becher, agus Iediael, triuir. 7 Agus mic Bhela; Esbon, agus Udsi, agus Udsiel, agus Ierimot, agus Iri, cùignear, cinn tighe an aithriche, daoine treun, agus dh’àirmheadh iad a réir an ginealacha ’nan dà mhìle thar fhichead, agus ceithir deug thar fhichead. 8 Agus mic Bhecheir; Semira, agus Ioas, agus Elieser, agus Elioenai, agus Omri, agus Ierimot, agus Abiah, agus Anatot, agus Alamet. Is iad sin uile mic Bhecheir. 9 Agus b’e an àireamh a réir an sloinnte, a réir an ginealacha, cinn tighe an aithriche, daoine treun, fichead mìle agus dà cheud. 10 Agus mic Iediaeil; Bilhan: agus mic Bhilhain; Ieus, agus Beniamin, agus Ehud, agus Cenaanah, agus Setan, agus Tarsis, agus Ahisahar. 11 Bha iad sin uile mic Iediaeil, a réir cheann an aithriche, daoine treun, ’nan seachd mìle deug agus dà cheud fear, iomchuidh gu dol a mach chum cogaidh agus catha. 12 Supim mar an ceudna agus Hupim mic Ir, agus Husim mic Aheir. 13 Mic Naphtali; Iahsiel, agus Guni, agus Ieser, agus Salum, mic Bhilhah. 14 Mic Mhanaseh; Asriel, a rug i (ach rug a choimh-leabach, a’ Bhan-aramach, Machir athair Ghilead. 15 Agus ghabh Machir mar mhnaoi piuthar Chupim agus Shupim, agus b’e ainm a peathar Maachah) agus b’e ainm an dara mic Selophehad: agus bha aig Selophehad nigheana. 16 Agus rug Maachah bean Mhachir mac, agus thug i Peres mar ainm air; agus b’e ainm a bhràthar Seres; agus b’iad a mhic-san Ulam agus Racem. 17 Agus mic Ulaim; Bedan. B’iad sin mic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh. 18 Agus rug a phiuthar Hamolecet Isod, agus Abieser, agus Mahalah. 19 Agus b’iad mic Shemida, Ahian, agus Sechem, agus Lichi, agus Aniam. 20 Agus mic Ephraim; Sutelah, agus Bered a mhac-san, agus Tahat a mhac-san, agus Eladah a mhac-san, agus Tahat a mhac-san, 21 Agus Sabad a mhac-san, agus Sutelah a mhac-san, agus (1) shaighd-fhear. (2) treun an neart, comasach gaisgeil. [TD 328] I. EACHDRAIDH. CAIB. VIII. Eser, agus Elead, a mharbh fir Ghad a rugadh san tìr sin, a chionn gu’n d’thàinig iad a nuas a thogail an creich (1). 22 Agus rinn an athair Ephraim bròn rè iomadh là, agus thàinig a bhràithre gu comhfhurtachd a thoirt da. 23 Agus chaidh e stigh a dh’ionnsuidh a mhnà, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac, agus thug e Beriah mar ainm air, a chionn gu’n d’éirich gu h-olc le thigh. 24 (Agus b’i a nighean Serah, ise a thog Bet-horon ìochdarach, agus uachdarach, agus Udsen-serah) 25 Agus b’e Rephah a mhac, mar an ceudna Reseph, agus Tela a mhac-san, agus Tahan a mhac-san, 26 Laadan a mhac-san, Amihud a mhac-san, Elisama a mhac-san, 27 Non a mhac-san, Iehosua a mhac-san. 28 Agus b’iad an seilbh agus an àiteacha-còmhnuidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h-airde ’n ear Naaran, agus a làimh na h-airde ’n iar Geser le bhailtibh, Sechem mar an ceudna agus a bhailte, gu ruig Gasa agus a bhailte. 29 Agus làimh re cloinn Mhanaseh, Bet-sean agus a bhailte, Taanach agus a bhailte, Megido agus a bhailte, Dor agus a bhailte. Annta sin ghabh clann Ioseiph mhic Israeil còmhnuidh. 30 Mic Aseir; Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. 31 Agus mic Bheriah; Heber, agus Malchiel: b’esan athair Bhirsabhit. 32 Agus ghin Heber Iaphlet, agus Somer, agus Hotam, agus Suah am piuthar. 33 Agus mic Iaphleit; Pasach, agus Bimhal, agus Asbhat: is iad sin mic Iaphleit. 34 Agus mic Shameir; Ahi, agus Rohgah, Iehubah, agus Aram. 35 Agus mic Heleim a bhràthar; Sophah, Imna, agus Seles, agus Amal. 36 Mic Shophah; Suah, agus Harnepher, agus Sual, agus Beri, agus Imrah, 37 Beser, agus Hod, agus Sama, agus Silsah, agus Itran, agus Beera. 38 Agus mic Ieteir; Iephuneh, agus Pispah, agus Ara. 39 Agus mic Ula; Ara, agus Haniel, agus Resia. 40 B’iad sin uile mic Aseir, cinn tighe an aithriche, daoine taghta, treun an neart, roghadh (2) nan uachdaran. Agus an uair a dh’àirmheadh iad a réir an ginealacha chum cogaidh agus catha, b’e an àireamh sè mìle fichead fear. CAIB. VIII. A NIS ghin Beniamin Bela a cheud-ghin, Asbel an dara, agus Ahara an treas, 2 Nohah an ceathramh, agus Rapha an cùigeadh. 3 Agus b’iad mic Bhela, Adar, agus Gera, agus Abihud, 4 Agus Abisua, agus Naaman, agus Ahoah, 5 Agus Gera, agus Sephuphan, agus Huram. 6 Agus is iad so mic Ehuid: is iad so cinn aithriche (3) luchd-àiteachaidh Gheba, agus dh’a- (1) a thoirt leo am feudalach. (2) cinn. Eabh. (3) theaghlach. [TD 329] I. EACHDRAIDH. CAIB. VIII. tharraich siad iad gu Manahet: 7 Agus Naaman, agus Ahiah, agus Gera, dh’atharraich e iad, agus ghin e Udsa, agus Ahihud. 8 Agus ghin Saharaim clann ann an tìr Mhoaib, an déigh dha Husim agus Baara a mhnài a chur air falbh (1). 9 Agus ghin e re Hodes a mhnaoi, Iobab, agus Sibia, agus Mesa, agus Malcham, 10 Agus Ieus, agus Sachia, agus Mirma. B’iad sin a mhic, cinn nan aithriche. 11 Agus re Husim ghin e Abitub agus Elphaal. 12 Mic Elphaail; Eber, agus Misam, agus Samed, a thog Ono, agus Lod le bhailtibh. 13 Agus Beriah agus Sema: b’iadsan cinn aithriche luchd-àiteachaidh Aialoin, a ruag luchd-àiteachaidh Ghat: 14 Agus Ahio, Sasac, agus Ierimot, 15 Agus Sebadiah, agus Arad, agus Adar, 16 Agus Michael, agus Ispah, agus Ioha, mic Bheriah; 17 Agus Sebadiah, agus Mesulam, agus Heseci, agus Heber, 18 Agus Ismerai, agus Iesliah, agus Iobab, mic Elphaail; 19 Agus Iacim, agus Sichri, agus Sabdi, 20 Agus Elioenai, agus Siltai, agus Eliel, 21 Agus Adaiah, agus Beraiah, agus Simrat, mic Shimhi; 22 Agus Ispan, agus Heber, agus Eliel, 23 Agus Abdon, agus Sichri, agus Hanan, 24 Agus Hananiah, agus Elam, agus Antotiah, 25 Agus Iphedeiah, agus Penuel, mic Shasaic; 26 Agus Samserai, agus Sehariah, agus Ataliah, 27 Agus Iaresiah, agus Eliah, agus Sichri, mic Ierohaim. 28 Sin cinn nan aithriche, a réir an ginealacha, cinn-fheadhna. Bha iad sin a chòmhnuidh ann an Ierusalem. 29 Agus ann an Gibeon bha Iehiel, athair Ghibeoin, a chòmhnuidh; agus b’e ainm a mhnà Maachah: 30 Agus a cheud-ghin mic Abdon, agus Sur, agus Cis, agus Baal, agus Ner, agus Nadab, 31 Agus Gedor, agus Ahio, agus Sacher, agus Miclot (2). 32 Agus ghin Miclot Simeah. Agus chòmhnuich iad sin mar an ceudna fa chomhair am bràithrean ann an Ierusalem maille r’am bràithribh. 33 Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchisua, agus Abinadab, agus Esbaal. 34 Agus b’e mac Ionatain Merib-baal; agus ghin Merib-baal Micah. 35 Agus b’iad mic Mhicah, Piton, agus Melech, agus Tarea, agus Ahas. 36 Agus ghin Ahas Iehoadah, agus ghin Iehoadah Alemet, agus Asmabhet, agus Simri; agus ghin Simri Mosa. 37 Agus ghin Mosa Binea: b’e Rapha a mhac-san, Eleasah a mhac-san, Asel a mhac-san. 38 Agus bha aig Asel sèath- (1) an déigh an cur air falbh, Husim agus Baara a mhnài. Eabh. (2) Faic Caib. IX. r. 36. 37. [TD 330] I. EACHDRAIDH. CAIB. IX. nar mhac; agus is iad so an ainmeanna, Asricam, Bocheru, agus Ismael, agus Seariah, agus Obadiah, agus Hanan. B’iad sin uile mic Aseil. 39 Agus b’iad mic Eseic a bhràthar, Ulam a cheud-ghin, Iehus an dara, agus Eliphelet an treas. 40 Agus bha mic Ulaim ’nan daoinibh treun, ’nam fir-bhogha (1); agus bha mòran mhac aca, agus mhac am mac, ceud agus leth-cheud: iad sin uile do mhacaibh Bheniamin. CAIB. IX. AGUS dh’àirmheadh Israel uile a réir an ginealacha, agus feuch, bha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Israeil. Ach thugadh Iudah (2) air falbh do Bhabilon air son an eusaontais. 2 Agus b’iad an ceud luchd-àiteachaidh a ghabh còmhnuidh ’nan sealbh ’nam bailtibh, na h-Israelich, na sagairt, na Lebhithich, agus na Netinich. 3 Agus ann an Ierusalem ghabh còmhnuidh do chloinn Iudah, agus do chloinn Bheniamin, agus do chloinn Ephraim, agus Mhanaseh: 4 Utai mac Amihuid, mhic Omri, mhic Imri, mhic Bhani, do chloinn Phareis mhic Iudah. 5 Agus do na Silonaich; Asaiah an ceud-ghin, agus a mhic. 6 Agus do mhacaibh Sherah; Ieuel, agus am bràithre, sè ceud agus ceithir fichead agus a deich. 7 Agus do mhacaibh Bheniamin; Salu mac Mhesulaim, mhic Hodabhiah, mhic Hasenuah: 8 Agus Ibneiah mac Ierohaim, agus Elah mac Udsi, mhic Mhichri, agus Mesullam mac Shephatiah, mhic Reueil, mhic Ibniah; 9 Agus am bràithrean, a réir an ginealacha, naoi ceud agus sè deug agus dà fhichead. Bu chinn aithriche na daoine sin uile ann an tigh an aithriche. 10 Agus do na sagartaibh; Iedaiah, agus Iehoiarib, agus Iachin; 11 Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, riaghladair tighe Dhé; 12 Agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah; agus Maasai mac Adieil, mhic Iahserah, mhic Mhesulaim, mhic Mhesulemit, mhic Imeir; 13 Agus am bràithre, cinn tighe an aithriche, mìle agus seachd ceud agus tri fichead, daoine ro-fhoghainteach fa chomhair oibre seirbhis tighe Dhé. 14 Agus do na Lebhithich; Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, do mhacaibh Mherari; 15 Agus Bacbacar, Heres, agus Galal, agus Mataniah mac Mhicah, mhic Shichri, mhic Asaiph; 16 Agus Obadiah mac Shemaiah, mhic Ghalail, mhic Iedutuin, agus Berechiah mac Asa, mhic Elcanah, a bha chòmhnuidh ann am frith-bhailtibh (3) nan Netophatach. 17 Agus b’iad na dorsairean Salum, agus Acub, agus Talmon, agus Ahiman, agus am (1) a thairngeadh bogha, a thilgeadh gu maith le bogha. (2) leabhar righrean Israeil agus Iudah, a thugadh. (3) bailtibh beaga. [TD 331] I. EACHDRAIDH. CAIB. IX. bràithre: b’e Salum an ceannard: 18 A bha gus an àm so aig geatadh an righ air an taobh an ear, ’nan dorsairibh ann an cuideachdaibh chloinn Lebhi. 19 Agus bha Salum mac Chore, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, agus a bhràithre (do thigh athar) na Corahaich os cionn oibre na seirbhis, ’nan luchd-gleidhidh gheatacha a’ phàilliuin; agus an aithriche os cionn slòigh an Tighearna, ’nan luchd-gleidhidh air dol a stigh a’ phàilliuin. 20 Agus b’e Phinehas mac Eleasair bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianuis an Tighearna (1). 21 Maille ris bha Sechariah, mac Mheselemiah, ’na dhorsair doruis pàilliuin a’ choi’-thionail. 22 Iad sin uile a thaghadh gu bhi ’nan dorsairibh anns na geataibh, bu dà cheud agus dà fhear dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a réir an ginealacha (2) ’nam frith-bhailtibh, a shuidhich Daibhidh agus Samuel am fear-seallaidh ’nan dreuchd suidhichte. 23 Mar sin bha iadsan, agus am mic, os cionn gheatacha tighe an Tighearna, agus tighe a’ phàilliuin, chum an gleidheadh (3). 24 Ann an ceithir chearnaibh bha na dorsairean, a làimh na h-airde ’n ear, na h-airde ’n iar, na h-airde tuath, agus na h-airde deas. 25 Agus am bràithre ’nam frith-bhailtibh, gu teachd an déigh sheachd laithean o àm gu h-àm maille riu. 26 Oir bha na Lebhithich sin, na ceithir ard dhorsairean, ’nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn sheomraiche, agus os cionn ionmhasan tighe Dhé. 27 Agus bha iad a’ gabhail tàimh mu’n cuairt air tigh Dhé, a chionn gu’m b’ann orra-san a bha a chùram, agus gu’m buineadh dhoibh fhosgladh gach maduinn. 28 Agus bha cuid diubh os cionn nan soithiche (4) frithealaidh, chum an toirt a stigh agus a mach air àireamh. 29 Chuireadh cuid diubh mar an ceudna os cionn nan soithiche, agus os cionn uile innealan an ionaid naomha, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h-ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh (5). 30 Agus bha cuid do mhacaibh nan sagart a’ deanamh na h-oladh-ungaidh do na spìosraidh. 31 Agus b’ann aig Matitiah aon do na Lebhithich, eadhon ceud-ghin Shaluim a’ Chorahaich, a bha dreuchd suidhichte os cionn (6) nan nithe a rinneadh ann an aighnibh. 32 Agus bha cuid eile d’am bràithribh, do mhacaibh nan Cohatach, os cionn arain na fianuis (7) gu dheasachadh gach sàbaid. 33 Agus is iad sin an luchd-ciuil (8), cinn aithriche nan Lebhitheach, a bha anns na seom- (1) an Tighearn, a bha maille ris. (2) an sloinnte. (3) seal m’an seach. (4) air cuid diubh bha cùram nan soithiche. (5) nithe cùbhraidh. (6) re Matatiah bha’n earbsadh bhi os cionn. (7) an arain thaisbeanta. (8) luchd seinn. [TD 332] I. EACHDRAIDH. CAIB. X. raichibh, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra bhi r’an obair-san. 34 Bha cinn aithriche sin nan Lebhitheach ’nan cinn a réir an ginealacha. Bha iad a chòmhnuidh ann an Ierusalem. 35 Agus ann an Gibeon chòmhnuich athair Ghibeoin, Iehiel; agus b’e ainm a mhnà Maachah: 36 Agus a cheud-ghin mic Abdon, an sin Sur, agus Cis, agus Baal, agus Ner, agus Nadab, 37 Agus Gedor, agus Ahio, agus Sechariah, agus Miclot. 38 Agus ghin Miclot Simeam: agus ghabh iadsan mar an ceudna còmhnuidh fa chomhair am bràithrean ann an Ierusalem maille r’am bràithribh. 39 Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchisua, agus Abinadab, agus Es-baal. 40 Agus b’e mac Ionatain Merib-baal: agus ghin Merib-baal Micah. 41 Agus b’iad mic Mhicah, Piton, agus Melech, agus Tahrea, agus Ahas. 42 Agus ghin Ahas Iehoadah (1), agus ghin Iehoadah Alemet, agus Asmabhet, agus Simri; agus ghin Simri Mosa, 43 Agus ghin Mosa Binea: agus b’e Rephaiah a mhac-san, Eleasah a mhac-san, Asel a mhac-san. 44 Agus bha aig Asel sèathnar mhac, agus is iad so an ainmeanna; Asricam, Bocheru, agus Ismael, agus Seariah, agus Obadiah, agus Hanan. B’iad sin mic Aseil. CAIB. X. A NIS chog na Philistich an aghaidh Israeil, agus theich fir Israeil o fhianuis nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbhta ann an sliabh Ghilboa. 2 Agus lean na Philistich gu teann an deigh Shauil, agus an deigh a chuid mac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil. 3 Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich (2) na fir-bhogha e, agus lotadh e leis na fir-bhogha. 4 An sin thubhairt Saul re fear iomchair arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gu’n d’thig na daoine neo-thimchioll-ghearrta sin, agus gu’n gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha deanadh fear iomchair arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air. 5 Agus an uair a chunnaic fear iomchair arm gu’n robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a chlaidheamh, agus fhuair e bàs. 6 Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriuir mac, agus dh’eug a thigh uile san aon àm. 7 Agus an uair a chunnaic uile fhir Israeil a bha sa’ ghleann, gu’n do theich iad, agus gu’n robh Saul agus a mhic marbh, an sin thréig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnuich iad annta. 8 Agus air an la màireach, an uair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air (1) Iarah. Faic Caib. VIII. r. 36. (2) fhuair. Eabh. [TD 333] I. EACHDRAIDH. CAIB. XI. tuiteam ann an sliabh Ghilboa. 9 Agus an uair a dh’fhaobhaich iad e, ghlac iad a cheann, agus airm, agus chuir iad fios do thìr nam Philisteach mu’n cuairt, gu sgeul a thoirt do thigh an diathan bréige (1), agus do’n t-sluagh. 10 Agus chuir iad airm ann an tigh an dée, agus dhaingnich iad a cheann ann an teampull Dhagoin. 11 Agus an uair a chual uile luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead na h-uile nithe a rinn na Philistich re Saul, 12 Dh’éirich na fir threuna uile, agus thug iad leo corp Shauil, agus cuirp a chuid mac, agus thug iad gu Iabes iad, agus dh’adhlaic iad an cnaimhean fuidh ’n daraig ann an Iabes, agus throisg iad seachd laithean. 13 Mar so dh’eug Saul air son a chiontaidh a rinn e ’n aghaidh an Tighearna, an aghaidh focail an Tighearna nach do ghléidh e, agus mar an ceudna a chionn gu’n d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith, 14 Agus nach d’fhiosraich e do’n Tighearna: uime sin mharbh se e, agus thionndaidh e ’n rìoghachd a dh’ionnsuidh Dhaibhidh mhic Iese. CAIB. XI. AN SIN chruinnich Israel uile iad féin a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Hebron, ag ràdh, is sinne do chnàimh agus t’fheoil. 2 Agus a bhàrr air so, san ùine chaidh seachad, eadhon an uair a bha Saul ’na righ, bu tusa a threòraich a mach, agus a thug a steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bithidh tu a’d’ cheannard air mo shluagh Israel. 3 Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsuidh an righ gu Hebron, agus rinn Daibhidh coi’-cheangal riu ann an Hebron am fianuis an Tighearna, agus dh’ung iad Daibhidh ’na righ air Israel, a réir focail an Tighearn, le làimh Shamueil. 4 Agus chaidh Daibhidh agus Israel uile gu h-Ierusalem, (is e sin Iebus) far an robh na Iebusaich, luchd-àiteachaidh an fhearainn. 5 Agus thubhairt luchd-àiteachaidh Iebuis re Daibhidh, Cha d’thig thu ’n so. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile (2) Dhaibhidh. 6 Agus thubhairt Daibhidh, Ge b’e bhuaileas na Iebusaich an toiseach, bithidh esan ’na cheannard agus ’na uachdaran. Agus chaidh Ioab mac Sheruiah suas an toiseach, agus bha e ’na cheannard. 7 Agus ghabh Daibhidh còmhnuidh san tùr: uime sin thug iad baile Dhaibhidh mar ainm air. 8 Agus thog e am baile mu’n cuairt, eadhon o Mhilo mu’n cuairt: agus chuir Ioab suas a rìs a’ chuid eile do’n bhaile. 9 Agus dh’fhàs Daibhidh ni bu mhò, agus ni bu mhò; oir bha Tighearna nan sluagh leis. 10 Agus is iad so roghadh nan daoine treun a bha aig Daibhidh, a neartaich iad féin leis ’na rìoghachd, agus le h-Israel (1) gu sgeul a thoirt d’an ìodholaibh. (2) caithir. [TD 334] I. EACHDRAIDH. CAIB. XI. uile, gu righ a dheanamh dheth, a réir focail an Tighearna mu thimchioll Israeil. 11 Agus is e so àireamh nan daoine treun a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, ’na cheann air triuir (1): thog esan a shleagh an aghaidh thri ceud, a mharbhadh leis san aon àm. 12 Agus ’na dheigh-san bha Eleasar, mac Dhodo, an t-Ahohach: b’aon esan do na tri gaisgich. 13 Bha esan maille re Daibhidh ann am Pas-damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an cionn a chéile gu cath [agus dh’imich fir Israeil rompa. Dh’éirich esan, agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus gu’n do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’oibrich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus phill an sluagh ’na dhéigh a mhàin a dh’fhaobhachadh. Agus ’na dhéigh-san bha Samah, mac Agee, an Hararach: agus chruinnicheadh na Philistich ’nam buidhinn] (2) far an robh dail (3) fhearainn làn eorna (4), agus theich an sluagh roimh na Philistich. 14 Agus shuidhich iadsan iad féin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich; agus shaor an Tighearn iad le saorsadh mhòir. 15 A nis chaidh triuir do na deich ceannaird fhichead sìos do’n charraig a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim. 16 Agus bha Daibhidh an sin san daingneach: agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem. 17 Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O nach d’thugadh neach dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha aig a’ gheatadh! 18 Agus bhris an triuir troimh fheachd nam Philisteach, agus tharruing iad uisge a tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheatadh, agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach cha ’n òladh Daibhidh e, ach thaom e mach e do’n Tighearna. 19 Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gu’n deanainn an ni so: an òlainnse fuil nan daoine so a chuir an anmanna ann an cunnart? oir le cunnart an anmanna thug iad leo e: uime sin cha ’n òladh e dheth. Na nithe sin rinn an triuir dhaoine treuna. 20 Agus bha Abisai, bràthair Ioaib, ’na cheann air triuir: agus thog e a shleagh an aghaidh tri cheud, a mharbh e; agus bha ainm aige am measg thriuir. 21 Do’n triuir b’e a b’urramaiche na an dithis, agus bha e ’na cheannard orra: gidheadh, cha d’ràinig e gu ruig a’ cheud triuir. 22 Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mhic duine ghaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomhara, mharbh esan dithis fhear leòmhanta do Mhoab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhan ann am meadhon sluichd air latha sneachdaidh. 23 Agus mharbh e Eiphit- (1) ceann nan ceannard. (2) II. Samuel. Caib. XXIII. r. 9. 10. 11. (3) mìr. (4) làn do ghall-pheasair. II. Sam. Caib. XXIII. r. 11. [TD 335] I. EACHDRAIDH. CAIB. XII. each, duine do mheudachd mhòir, cùig làmha-coille air airde, agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh cosmhuil re garmain (1) figheadair; ach chaidh esan sìos d’a ionnsuidh le luirg, agus spìon e ’n t-sleagh a làimh an Eiphitich, agus mharbh e le shleagh féin e. 24 Na nithe sin rinn Benaiah mac Iehoiada, agus bha ainm aige am measg triuir dhaoine treuna. 25 Feuch, do’n triuir (2) b’e a b’urramaiche, ach cha d’ràinig e gu ruig a’ cheud triuir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain. 26 Mar an ceudna b’iad daoine treana nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem, 27 Samot an t-Harorach, Heles am Pelonach, 28 Ira mac Iceis an Tecoach, Abieser an t-Anatotach, 29 Sibecai an t-Husatach, Ilai an t-Ahohach, 30 Maharai an Netophatach, Heled mac Bhaanah an Netophatach, 31 Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniamin, Benaiah am Piratonach, 32 Hurai o shruthaibh (3) Ghaais, Abiel an t-Arbatach, 33 Asmabhet am Baharumach, Eliabha an Saalbonach. 34 Mic Haseim a’ Ghisonaich; Ionatan mac Shage an t-Hararach, 35 Ahiam mac Shacair an t-Hararach, Eliphal mac Uir, 36 Hepher am Mecheratach, Ahiah am Pelonach, 37 Hesro an Carmeleach, Naarai mac Esbai, 38 Ioel bràthair Natain, Mibchar mac Hageri, 39 Selec an t-Amonach, Naharai am Berotach, fear iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah, 40 Ira an t-Itreach, Gareb an t-Itreach, 41 Uriah an t-Hiteach, Sabad mac Ahali, 42 Adina mac Shisa Reubeneach, ceannard do na Reubenich, agus deich thar fhichead maille ris, 43 Hanan mac Mhaachah, agus Iosaphat am Mitneach, 44 Udsia an t-Asteratach, Sama agus Iehiel mic Hotaim an Aroerich, 45 Iediael mac Shimri, agus Ioha a bhràthair an Tidseach, 46 Eliel am Mahabhach, agus Ieribai agus Iosabhiah mic Elnaaim, agus Itmah am Moabach, 47 Eliel, agus Obed, agus Iasiel o Mhesobia. CAIB. XII. A NIS is iad so iadsan a thàinig a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Siclag, ’n uair a bha e fathast ’ga chumail féin a stigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, ’nan luchd cuideachaidh sa’ chogadh. 2 Bha iad armaichte le boghannaibh, agus teòma leis an làimh dheis agus chli air clachan a thilgeadh, agus saighdean a bogha, eadhon do bhràithribh Shauil do Bheniamin. 3 B’e Ahieser bu bharraichte (4) (1) sail. (2) do’n deich thar fhichead. (3) aibhnichibh. (4) an ceann. Eabh. [TD 336] I. EACHDRAIDH. CAIB. XII. dhiubh, an sin Ioas, mic Shemaah a’ Ghibeataich, agus Iesiel agus Pelet mic Asmabheit, agus Beracha, agus Iehu an t-Anatotach, 4 Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich thar fhichead, agus os cionn an deich thar fhichead, agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan, agus Iosabad an Gederatach, 5 Elusai, agus Ierimot, agus Bealiah, agus Semariah, agus Sephatiah an t-Haruphach, 6 Elcanah, agus Iesia, agus Asareel, agus Ioeser, agus Iasobeam, na Corhaich, 7 Agus Ioelah agus Sebadiah, mic Ierohaim o Ghedor. 8 Agus do na Gadaich chaidh thairis (1) a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, do’n daingneach anns an fhàsach, daoine treun, fir chogaidh iomchuidh chum catha, d’am b’aithne sgiath agus targaid a laimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisibh leòmhan, agus iad co luath ris na h-eildibh air na beanntaibh. 9 Eser an ceud fhear, Obadiah an dara, Eliab an treas, 10 Mismanah an ceathramh, Ieremiah an cùigeadh, 11 Atai an seathadh, Eliel an seachdamh, 12 Iohanan an t-ochdamh, Elsabad an naothadh, 13 Ieremiah an deicheamh, Machbanai an t-aon fhear deug. 14 Bha iad sin do mhacaibh Ghad ’nan ceannardaibh an t-slòigh: an t-aon bu lugha dhiubh os cionn cheud, agus an t-aon bu mhò os cionn mhìle. 15 Sin iadsan a chaidh thairis air Iordan sa’ cheud mhìos, an uair a bha shruth cur thairis air a bhruachaibh uile, agus chuir iad an ruaig air muinntir nan gleann uile, a làimh na h-airde ’n ear, agus na h-airde ’n iar. 16 Thàinig mar an ceudna cuid do chloinn Bheniamin agus Iudah do’n daingneach a dh’ionnsuidh Dhaibhidh. 17 Agus chaidh Daibhidh a mach ’nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail a m’ ionnsuidh-sa a chuideachadh leam, bithidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a chum mo bhrath do m’ naimhdibh, ’nuair nach ’eil eucoir air bith a’m’ lamhaibh, gu’n amhairceadh Dia ar n-aithriche air sin, agus gu’n cronaicheadh se e. 18 An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche do na ceannardaibh, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhuit, agus sìth do d’ luchd cuideachaidh; oir tha do Dhia a’ còmhnadh (2) leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad ’nan ceannardaibh na buidhne. 19 Agus chaidh cuid do Mhanaseh thairis (3) a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, ’nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad (4) leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann-ne théid e thai- (1) chuir air leth, dhealaich, thearbaidh iad féin. (2) cungnamh. Eir. (3) thuit do Mhanaseh. Eabh. (4) e. [TD 337] I. EACHDRAIDH. CAIB. XII. ris a dh’ionnsuidh Shauil a thighearna. 20 ’Nuair a bha e dol gu Siclag, chaidh thairis d’a ionnsuidh do Mhanaseh, Adnah, agus Iosabad, agus Iediael, agus Michael, agus Iosabed, agus Elihu, agus Siltai, cinn-fheadhna nam mìltean a bha do Mhanaseh. 21 Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidhne nan creachadairean: oir bu daoine treun iad uile, agus bha iad ’nan ceannardaibh san fheachd. 22 Oir mu’n àm sin là ’n déigh là thàinig iad a dh’ionnsuidh Dhaibhidh a chòmhnadh (1) leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhé. 23 Agus is e so àireamh (2) nan daoine armaichte chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsuidh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil d’a ionnsuidh-san, a réir focail an Tighearna: 24 Mic Iudah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sè mìle agus ochd ceud, armaichte chum cogaidh. 25 Do mhacaibh Shimeoin, fir threuna gu cogadh, seachd mìle agus ceud. 26 Do mhacaibh Lebhi, ceithir mìle agus sè ceud. 27 Agus Iehoiada ceannard nan Aaronach, agus maille ris tri mìle agus seachd ceud. 28 Agus Sadoc òganach ro-threun, agus do thigh athar dà cheannard thar fhichead. 29 Agus do mhacaibh Bheniamin luchd-dàimh Shauil, tri mìle: oir fathast bha chuid bu mhò dhiubh ’nam freiceadan air tigh Shauil. 30 Agus do mhacaibh Ephraim, fichead mìle agus ochd ceud, fir threuna, ainmeil ann an tigh an aithriche. 31 Agus do leth-thréibh Mhanaseh, ochd mìle deug, a dh’ainmicheadh air an ainmibh, gu teachd a dheanamh Dhaibhidh ’na righ. 32 Agus do mhacaibh Isachair, aig an robh aithne (3) air na h-aimsiribh, a thuigsinn ciod bu chòir do Israel a dheanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an ordugh-sa. 33 Do Shebulun a’ mheud ’sa chaidh mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uil’ innealaibh cogaidh, deich agus dà fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh (4) gun cheilg nan cridhe. 34 Agus do Naphtali mìle ceannard, agus maille riu-san, le sgéith agus sleagh, seachd mìle deug thar fhichead. 35 Agus do na Danaich, teòma ann an cogadh, ochd mìle fichead agus sè ceud. 36 Agus do Aser, a’ mheud ’sa rachadh a mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà fhichead mìle. 37 Agus air an taobh eile do Iordan, do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-thréibh Mhanaseh, le uil’ innealaibh cogaidh chum catha, ceud agus fichead mìle. 38 Na fir chogaidh sin uile, d’am b’aithne dol an ordugh blàir, le cridhe iomlan thàinig (1) a chuideachadh. (2) cunntas cheann. Eabh. (3) eòlas. (4) a rachadh an ordugh blàir. [TD 338] I. EACHDRAIDH. CAIB. XIII. iad gu Hebron a dheanamh Dhaibhidh ’na righ os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha chuid eile do Israel gu léir do aon chridhe chum Daibhidh dheanamh ’na righ. 39 Agus bha iad an sin maille re Daibhidh tri laithean, ag itheadh agus ag òl: oir dh’ulluich am bràithrean air an son. 40 A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagus doibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asalaibh, agus air chàmhalaibh, agus air mhuileidibh, agus air dhamhaibh, biadh, min, mill fhìge, agus bagaidean do fhìon-dhearcaibh tiormaichte, agus fion, agus oladh, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel. CAIB. XIII. AGUS chuir Daibhidh a chomhairle riu-san a bha os cionn mhìlte, agus cheud, ris gach uile cheannard. 2 Agus thubhairt Daibhidh re uile cho’-chruinneachadh Israeil, Ma chithear iomchuidh dhuibh, agus gur ann o’n Tighearn ar Dia a tha chùis, cuireamaid fios a mach a dh’ionnsuidh ar bràithrean anns gach àit, a dh’fhàgadh ann an uile thìr Israeil, agus maille riu-san a dh’ionnsuidh nan sagart agus nan Lebhitheach a tha ’nam bailtibh le’m fearann comh-roinn (1), iad g’an cruinneachadh féin thugainn (2). 3 Agus thugamaid a rìs àirc ar Dé d’ar n-ionnsuidh: oir cha d’fhiosraich sinn dheth ann an laithibh Shauil. 4 Agus thubhairt an co’-chruinneachadh gu léir, gu’m bu chòir sin a dheanamh (3); oir bha an ni ceart ann an sùilibh an t-sluaigh uile. 5 Uime sin chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chéile, o Shihor na h-Eiphit gu dol a steach Hamait, chum àirc Dhé a thoirt o Chiriat-iearim. 6 Agus chaidh Daibhidh suas, agus Israel uile do Bhaalat, eadhon gu Ciriat-iearim a bhuineadh do Iudah, a thabhairt leo as sin àirc Dhé an Tighearn, a tha chòmhnuidh eadar na cheruban, air an gairmear ainm. 7 Agus ghiùlain iad àirc Dhé air feun (4) nomha o thigh Abinadaib: agus dh’iomain Usa agus Ahio am feun. 8 Agus chluich Daibhidh agus Israel uile am fianuis Dhé le ’n uile neart, eadhon le laoidhibh e, agus le clàrsaichibh, agus le saltairibh, agus le tiompanaibh, agus le ciombalaibh, agus le trompaidibh. 9 Agus an uair a thàinig iad gu h-urlar-bualaidh Chidoin, chuir Usa a mach a làmh, a ghabhail greim do’n àirc, oir chuir na daimh air chrith i. 10 Agus las fearg an Tighearn an aghaidh Usa, agus bhuail se e, a chionn gu’n do chuir e a làmh ris an àirc: agus dheug e ’n sin an làthair Dhé. 11 Agus bha doilgheas air Daibhidh (6) a chionn gu’n d’rinn an Tighearna briseadh air Usa: agus dh’ainmich e ’n t-àite sin (1) ’nam bailtibh agus ’nam mach-bhailtibh. (2) chugainn. (3) gu’n deanadh iad mar sin. (4) fèana, cairt. (5) air gach inneal-ciuil do fhiodh giumhais. II. Sam. Caib. VI. r. 5. (6) bha Daibhidh fa mhi-ghean. [TD 339] I. EACHDRAIDH. CAIB. XIV. Peres-usa gu ruig an la ’n diugh. 12 Agus bha eagal air Daibhidh roimh Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnus a bheir mise àirc Dhé dhachaidh a m’ ionnsuidh? 13 Uime sin cha d’thug Daibhidh an àirc d’a ionnsuidh féin gu baile Dhaibhidh; ach thug e a leth-taobh i gu tigh Obed-edoim a’ Ghitich. 14 Agus dh’fhan àirc Dhé maille re teaghlach Obed-edoim ’na thigh tri mìosan. Agus bheannaich an Tighearna tigh Obed-edoim, agus gach ni a bh’aige. CAIB. XIV. A NIS chuir Hiram righ Thiruis teachdairean a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail tighe dha. 2 Agus dh’aithnich Daibhidh gu’n do dhaingnich an Tighearn e ’na righ air Israel, agus gu’n d’ardaicheadh gu mòr a rìoghachd air son a shluaigh Israeil. 3 Agus ghabh Daibhidh tuille bhan ann an Ierusalem, agus ghin Daibhidh fathast mic agus nigheana. 4 Agus is iad so ainmean a chloinne a bha aige ann an Ierusalem; Samua, agus Sobab, Natan, agus Solamh, 5 Agus Ibahar, agus Elisua, agus Elphalet, 6 Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia, 7 Agus Elisama, agus Beeliada, agus Eliphalet. 8 Agus an uair a chuala na Philistich gu’n d’ungadh Daibhidh ’na righ air Israel uile, thàinig na Philistich gu léir a nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh: agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e mach ’nan aghaidh. 9 Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil siad iad féin ann an gleann Rephaim. 10 Agus dh’fhiosraich Daibhidh do Dhia, ag ràdh, An d’théid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an d’thoir thu thairis iad a m’ làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mise thairis iad a d’ làimh. 11 Agus thàinig iad gu Baal-perasim, agus bhuail Daibhidh an sin iad. Agus thubhairt Daibhidh, Bhris Dia mo naimhdean o chéile le m’ làimh-sa, mar bhriseadh uisgeacha. Uime sin thug iad Baal-perasim mar ainm air an àite sin. 12 Agus dh’fhàg iad an diathan an sin, agus thug Daibhidh àithne, agus loisgeadh iad le teine. 13 Agus thàinig na Philistich a rìs, agus sgaoil siad iad féin anns a’ ghleann. 14 Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh a rìs do Dhia, agus thubhairt Dia ris, Na gabh suas ’nan déigh, tionndaidh air falbh uatha, agus thig orra fa chomhair chraobh nan smeur. 15 Agus an uair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am barraibh chraobh nan smeur, an sin théid thu mach chum catha; oir théid Dia a mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach. 16 Agus rinn Daibhidh mar a dh’àithn Dia dha: agus bhuail iad (1) feachd nam Philisteach o Ghibeon eadhon gu Gaser. (1) e. [TD 340] I. EACHDRAIDH. CAIB. XV. 17 Agus chaidh ainm (1) Dhaibhidh a mach do gach tìr, agus thug an Tighearn eagal-san air na h-uile chinneachaibh. CAIB. XV. AGUS rinn Daibhidh dha féin tighean ann am baile Dhaibhidh, agus dh’ulluich e àite do àirc Dhé, agus shuidhich e bùth dh’i. 2 An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhé iomchar, ach do na Lebhithich: oir iadsan ròghnaich an Tighearna gu àirc Dhé iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth. 3 Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chéile gu h-Ierusalem, gu àirc an Tighearn a thòirt suas a dh’ionnsuidh a h-àite, a dh’ulluich e air a son. 4 Agus chruinnich Daibhidh mic Aaroin agus na Lebhithich. 5 Do mhacaibh Chohait; Uriel an ceann, agus a bhràithre ceud agus fichead. 6 Do mhacaibh Mherari; Asaiah an ceann, agus a bhràithre dà cheud agus fichead. 7 Do mhacaibh Ghersoim; Ioel an ceann, agus a bhràithre ceud agus deich thar fhichead. 8 Do mhacaibh Elisaphain; Semaiah an ceann, agus a bhràithre dà cheud. 9 Do mhacaibh Hebroin; Eliel an ceann, agus a bhràithre ceithir fichead. 10 Do mhacaibh Udsieil; Aminadab an ceann, agus a bhràithre ceud agus dà fhear dheug. 11 Agus ghairm Daibhidh air Sadoc agus Abiatar na sagairt, agus air na Lebhithich, air Uriel, Asaiah, agus Ioel, Semaiah, agus Eliel, agus Aminadab. 12 Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn aithriche nan Lebhitheach: naomhaichibh sibh féin, sibhse agus bhur bràithre, chum gu’n d’thoir sibh suas àirc an Tighearna Dé Israeil, a dh’ionnsuidh an àit a dh’ulluich mise dh’i: 13 Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearn ar Dia briseadh oirne, do bhrigh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach. 14 Uime sin naomhaich na sagairt agus na Lebhithich iad féin, a thabhairt suas àirce an Tighearna Dé Israeil. 15 Agus ghiùlain mic nan Lebhitheach àirc Dhé air an guailnibh, leis na lunnaibh (2) orra, mar a dh’àithn Maois a réir focail an Tighearna. 16 Agus labhair Daibhidh re h-uachdaranaibh (3) nan Lebhitheach, am bràithrean orduchadh bhi ’nan luchd-ciuil le h-innealaibh ciuil, saltairibh, agus clàrsaichibh, agus ciombalaibh, a’ deanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le h-aoibhneas. 17 Uime sin dh’orduich na Lebhithich Heman mac Ioeil; agus d’a bhràithribh, Asaph mac Bherechiah; agus do mhacaibh Mherari am bràithribh, Etan mac Chusaiah: 18 Agus maille riu am bràithrean do’n dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah, agus Maa- (1) alladh, cliu. (2) bataichibh. (3) prìomh fhearaibh. [TD 341] I. EACHDRAIDH. CAIB. XVI. seiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean. 19 Agus bha’n luchd-ciuil, Heman, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dheanamh le ciombalaibh umha; 20 Agus Sechariah, agus Asiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, agus Eliab, agus Maaseiah, agus Benaiah, le saltairibh air Alamot; 21 Agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Iehiel, agus Asasiah, le clàrsaichibh air Seminit a thoirt barrachd. 22 Agus bha Cenaniah uachdaran do na Lebhithich fa chomhair na laoidh: sheòl e mu thimchioll na laoidh, a chionn gu’n robh e eòlach. 23 Agus bha Berechiah agus Elcanah ’nan dorsairibh do’n àirc. 24 Agus bha Sebaniah agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elieser na sagairt, a’ séideadh leis na trompaidibh roimh àirc Dhé: agus bha Obed-edom agus Iehiah ’nan luchd-gleidhidh doruis na h-àirce. 25 Mar sin chaidh Daibhidh agus seanairean Israeil, agus na ceannardan mhìltean, a thoirt suas àirce coi’-cheangail an Tighearn a tigh Obed-edoim le h-aoibhneas. 26 Agus an uair a chuidich Dia leis na Lebhithich a ghiùlain àirc coi’-cheangail an Tighearna, dh’ìobair iad seachd tairbh òga agus seachd reitheacha. 27 Agus bha Daibhidh sgeadaichte le falluing do anart grinn, agus na Lebhithich uile a bha giùlan na h-àirce, agus an luchd-ciuil, agus Chenaniah an t-ard fhear-seinn am measg an luchd ciuil: air Daibhidh mar an ceudna bha ephod anairt. 28 Mar so thug Israel uile suas àirc coi’-cheangail an Tighearna le h-iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhuill (1), agus le trompaidibh, agus le ciombalaibh, a’ deanamh co’-sheirm le saltairibh agus clàrsaichibh. 29 Agus an uair a thàinig àirc coi’-cheangail an Tighearna steach do bhaile Dhaibhidh, bha Michal nighean Shauil ag amharc a mach air uinneig, agus chunnaic i righ Daibhidh a’ dannsadh agus a’ cluicheadh; agus rinn i tàir air ’na cridhe. CAIB. XVI. AGUS thug iad a steach àirc Dhé, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son; agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianuis Dhé. 2 Agus an uair a chuir Daibhidh crìoch air na h-ìobairtean-loisgte thoirt suas, agus na h-ìobairtean-sìth, bheannaich e ’n sluagh an ainm an Tighearna. 3 Agus roinn e air gach aon do Israel, eadar fhear agus bhean, do gach aon builionn arain, agus mìr maith feòla, agus copan fiona. 4 Agus dh’orduich e cuid do na Lebhithich a fhrithealadh roimh àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne, agus a (1) na gall-truimp. [TD 342] I. EACHDRAIDH. CAIB. XVI. thoirt buidheachais (1) agus cliu do’n Tighearna Dia Israeil: 5 Asaph an ceann (2), agus ’na dhéigh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom: agus Ieiel le saltairibh agus clàrsaichibh, agus Asaph le ciombalaibh a’ deanamh fuaim: 6 Benaiah mar an ceudna agus Iahasiel na sagairt, le trompaidibh a ghnàth roimh àirc coi’-cheangail Dhé. 7 An sin air an là sin, thug Daibhidh seachad a’ cheud uair an laoidh mholaidh so do’n Tighearna, ann an làimh Asaiph agus a bhràithre: 8 Molaibh an Tighearna (3), gairmibh air ainm, deanaibh a ghnìomharan aithnichte am measg nan sluagh. 9 Seinnibh dha-san, seinnibh sailm dha, labhraibh air uil’ oibribh iongantach-sa. 10 Deanaibhse uaill ’na ainm naomha, deanadh cridhe na muinntir a tha ’g iarraidh an Tighearna gairdeachas. 11 Iarraibh an Tighearn agus a neart, iarraibh a ghnùis a ghnàth. 12 Cuimhnichibh oibrean iongantach a rinn e, a chomharan (4) agus breitheanais a bhéil. 13 O sibhse a shliochd Israeil òglaich-san, sibhse a chlann Iacoib a dhaoine taghta-san, 14 Is esan an Tighearn ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais-san. 15 Cuimhnichibh an còmhnuidh (5) a choi’-cheangal, am focal a dh’àithn e do mhìle ginealach; 16 A rinn e re h-Abraham, agus a mhionnan do Isaac: 17 Agus dhaingnich e sin do Iacob mar lagh, do Israel mar choi’-cheangal bith-bhuan, 18 Ag ràdh, Dhuitse bheir mi fearann Chanaain, crannchur bhur n-oighreachd. 19 An uair nach robh iad (6) ach ro-thearc an àireamh, agus ’nan coigrich ann, 20 Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile; 21 Cha do leig e le duine sam bith eucoir (7) a dheanamh orra, agus smachdaich e righrean air an son-sa: 22 Ag ràdh, Na beanaibh re m’ dhaoinibh ungta, agus air m’fhàidhibh na deanaibh cron sam bith. 23 Seinnibh do’n Tighearn, gach uile thìr (8); foillsichibh o là gu là a shlàinte. 24 Cuiribh a ghlòir an céill am measg nan cinneach; oibre iongantach am measg nan uile shluagh: 25 Oir is mòr an Tighearn, agus ro-airidh air cliu; agus is aobhar eagail esan os cionn nan uile dhée: 26 Oir is ìodhoil (9) uile dhée nan cinneach (10); ach is e ’n Tighearn a rinn na nèamha. 27 Tha glòir agus mòralachd ’na làthair; neart agus subhachas ’na ionad-san. 28 Thugaibh do’n Tighear- (1) molaidh. (2) am prìomh fhear. (3) Thugaibh buidheachas, aidichibh do’n Tighearna. (4) iongantasan. (5) gu bràth. Eabh. (6) sibh. (7) foirneart. (8) a thalaimh uile. (9) faoin. (10) nan sluagh. [TD 343] I. EACHDRAIDH. CAIB. XVII. na, sibhse fhineacha nan sluagh; thugaibh do’n Tighearn urram agus neart. 29 Thugaibh do’n Tighearn an t-urram a’s cubhaidh d’a ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh ’na làthair; sleuchdaibh do’n Tighearn ann am maise na naomhachd. 30 Biodh eagal oirbh ’na fhianuis-san, gach uile thìr: daingnichear an domhan leis, air chor as nach gluaisear e (1). 31 Biodh na nèamhan ait, agus deanadh an talamh gairdeachas; agus abradh iad am measg nan cinneach, Tha’n Tighearn a’ rìoghachadh. 32 Beucadh an fhairge, agus a làn; deanadh a’ mhachair gairdeachas, agus gach ni a ta innte. 33 An sin seinnidh craobhan na coille gu h-ard-ghuthach an làthair an Tighearna, a chionn gu bheil e teachd a thoirt breith air an talamh. 34 Molaibh an Tighearn (2), oir tha e maith; oir gu bràth mairidh a thròcair. 35 Agus abraibhse, Tèaruinn sinn, O Dhé ar slàinte, agus cruinnich r’a chéile sinn, agus saor sinn o na cinnich, a chum gu’n d’thoir sinn moladh do t’ainm naomha-sa, agus gu’n dean sinn uaill ann ad chliu. 36 Beannuichte gu robh an Tighearna Dia Israeil gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt an sluagh uile, Amen, agus chliùthaich iad an Tighearna. 37 Agus dh’fhàg e an sin fa chomhair àirce coi’-cheangail an Tighearna, Asaph agus a bhràithre, a fhrithealadh air beulaobh na h-àirc an còmhnuidh, mar a dh’iarradh obair gach là: 38 Agus Obed-edom, agus am bràithrean, ochd agus tri fichead: Obed-edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah ’nan dorsairibh: 39 Agus Sadoc an sagart, agus a bhràithre na sagairt, fa chomhair pàilliuin an Tighearna, anns an àit ard a bh’ann an Gibeon: 40 A dh’ìobradh ìobairt-loisgte do’n Tighearn air altair na h-ìobairt-loisgte a ghnàth, sa’ mhaduinn agus san fheasgar, agus a dheanamh a réir gach ni a ta scrìobhta ann an lagh an Tighearn, a dh’àithn e do Israel: 41 Agus maille riu-san Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh (3) air an ainmibh, a thoirt cliu (4) do’n Tighearn, a chionn gu bheil a thròcair bith-bhuan: 42 Eadhon maille riu-san Heman agus Iedutun le trompaidibh agus le ciombalaibh a’ deanamh fuaim (5), agus le h-innealaibh ciuil Dé: agus bha mic Iedutuin ’nan dorsairibh. 43 Agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach duine d’a thigh féin: agus phill Daibhidh a bheannachadh a thighe féin. CAIB. XVII. A NIS an uair a bha Daibhidh ’na shuidhe ’na thigh, thubhairt Daibhidh re Natan am fàidh, Feuch, tha mise a’m’ chòmhnuidh ann an tigh seudair, ach tha àirc coi’-chean- (1) Faic Salm XCVI. r. 9. 10. (2) Thugaibh buidheachas do’n Tighearn. (3) a dh’ainmicheadh, a shonraicheadh. (4) buidheachais. (5) fa’n comhair-san d’am buineadh fuaim a dheanamh. (6) ceudair. [TD 344] I. EACHDRAIDH. CAIB. XVII. gail an Tighearna fuidh chùirteinibh. 2 Agus thubhairt Natan re Daibhidh, Dean gach ni a tha ann ad chridhe; oir tha Dia leat. 3 Agus air an oidhche sin féin thàinig focal Dhé gu Natan, ag ràdh, 4 Falbh agus innis do m’òglach Daibhidh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Cha tog thusa dhomhsa tigh gu còmhnuidh ghabhail ann: 5 Oir cha do ghabh mise còmhnuidh ann an tigh o’n là air an d’thug mi nìos Israel as an Eiphit (1) gus an la’n diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàilliun gu pàilliun. 6 Ge b’e taobh a chaidh mi le h-Israel uile, an do labhair mi focal re h-aon do bhreitheamhnaibh Israeil, (d’an d’àithn mi mo shluagh a bheathachadh,) ag ràdh, C’ar son nach do thog sibh dhomh tigh seudair? 7 A nis uime sin mar so their thu re m’ sheirbhiseach Daibhidh, Mar so tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantuinn nan caorach gu bhi d’cheannard air mo shluagh Israel: 8 Agus bha mi leat gach taobh a chaidh tu, agus ghearr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhuit ainm cosmhuil re ainm nan daoine mòra a tha air an talamh. 9 Agus dh’orduich (2) mi àite do m’ shluagh Israel, agus shuidhich mi iad, agus gabhaidh iad còmhnuidh ’nan àit, agus cha ghluaisear iad tuilleadh; cha mhò a chlaoidheas clann na h-aingidheachd iad tuilleadh, mar an toiseach, 10 Agus o’n àm san d’àithn mi do bhreitheamhnaibh bhi os cionn mo shluaigh Israeil: agus ceannsaichidh mi do naimhdean uile. Mar an ceudna tha mi ’g innseadh dhuit gu’n tog an Tighearna tigh dhuit. 11 Agus an uair a choi’-lionar do làithean, agus gur éigin duit triall maille re t’aithrichibh, togaidh mise suas do shliochd a’d’ dhéigh, a bhios do d’ mhacaibh, agus daingnichidh mi a rìoghachd-san. 12 Togaidh esan tigh dhomh, agus daingnichidh mi a righ-chathair gu bràth. 13 Bithidh mi a’m’ athair dha, agus bithidh esan ’na mhac dhomhsa; agus cha d’thoir mi mo thròcair air falbh uaith, mar a thug mi uaith-san a bha romhad-sa. 14 Agus suidhichidh mi e ann am thigh agus ann am rìoghachd gu bràth; agus bithidh a righ-chathair daingean gu bràth. 15 A réir nam briathra so uile, agus a réir an taisbeanaidh so uile, mar sin labhair Natan re Daibhidh. 16 An sin chaidh righ Daibhidh a stigh, agus shuidh e am fianuis an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhé, agus ciod e mo thigh, gu’n d’thug thu mi gu ruige so? 17 Agus bu bheag so a’d’ shùilibh-sa, O Dhé, oir labhair thu mar an ceudna mu thigh do sheirbhisich rè aimsir fhada re teachd, agus thug thu meas (3) (1) II. Samuel. Caib. VII. r. 6. (2) orduichidh. (3) dh’amhairc thu. Eabh. [TD 345] I. EACHDRAIDH. CAIB. XVIII. orm a réir staid duine ard-inbhich, a Thighearna Dhé. 18 Ciod tuilleadh is urrainn Daibhidh a ràdh (1) riut, airson urraim do sheirbhisich? ach is aithne dhuit do sheirbhiseach. 19 A Thighearn, is ann air son do sheirbhisich (2), agus a réir do chridhe féin a rinn thu na nithe mòra so uile, a chum gu’n deanadh tu na nithe mòra so gu léir aithnichte. 20 O Thighearna, cha ’n’eil neach ann cosmhuil riutsa, agus cha ’n’eil Dia ann ach thusa, a réir gach ni a chuala sinn le’r cluasaibh. 21 Agus cia an cinneach air thalamh cosmhuil re d’ shluagh Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha féin, a dheanamh ainme dhuit féin, a dheanamh nithe mòra agus uamhasach le cinnich fhògradh roimh do shluagh, a shaor thu as an Eiphit (3)? 22 Oir rinn thu do shluagh Israel ’nan sluagh dhuit féin gu bràth; agus tha thusa, a Thighearn, a’d’ Dhia aca. 23 A nis ma ta, a Thighearna, am focal a labhair thu mu thimchioll do sheirbhisich, agus mu thimchioll a thighe, daingnichear e gu bràth, agus dean mar a thubhairt thu. 24 Biodh e eadhon air a dhaingneachadh, agus ardaichear t’ainm-sa gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh Dia Israeil, is Dia do Israel: agus biodh tigh Dhaibhidh do sheirbhisich air a dhaingneachadh a’d’ fhianuis. 25 Oir dh’fhoillsich (4) thusa, O mo Dhia, do d’ sheirbhiseach, gu’n togadh tu tigh dha: uime sin fhuair do sheirbhiseach ’na chridhe urnuigh a dheanamh a’d’ làthair. 26 Agus a nis, a Thighearn, is tu féin Dia, agus gheall thu do d’ sheirbhiseach am maitheas so. 27 A nis uime sin gu ma toil leat tigh do sheirbhisich a bheannachadh, a chum gu’m bi e gu bràth a’d’ fhianuis: oir an uair a bheannuicheas tusa, a Thighearna, beannuichte bithidh e gu bràth. CAIB. XVIII. AGUS an déigh so bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailte beaga as làimh nam Philisteach. 2 Agus bhuail e Moab: agus bha na Moabaich ’nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartais leo. 3 Agus bhuail Daibhidh Hadareser (6) righ Shobah gu ruig Hamat, an uair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais (7) aig abhuinn Euphrateis. 4 Agus thug Daibhidh uaith mìle carbad, agus seachd mìle marcach, agus fichead mìle coisiche: agus ghearr Daibhidh speireacha each nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol cheud carbad. 5 Agus an uair a thàinig Sirianaich Dhamascuis a chuideachadh le Hadareser righ Shobah, mharbh Daibhidh do na (1) Faic II. Sam. Caib. VII. r. 20. (2) air son t’fhocail. II. Sam. Caib. VII. r. 21. (3) II. Sam. Caib. VII. r. 23. (4) dh’innis. (5) dh’ìoc iad cìs dha. (6) Hadadeser. (7) a làimhe. Eabh. [TD 346] I. EACHDRAIDH. CAIB. XIX. Sirianaich dà mhìle fichead fear. 6 An sin chuir Daibhidh freiceadain (1) ann an Siria Dhamascuis; agus bha na Sirianaich ’nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartais leo. Agus ghléidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. 7 Agus ghabh Daibhidh na sgiathan òir a bh’air seirbhisich Hadareseir, agus thug e iad gu h-Ierusalem. 8 Agus o Thibat agus o Chun, bailtibh Hadareseir, thug Daibhidh ro-mhòran umha, leis an d’rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha. 9 Agus an uair a chuala Tou (2) righ Hamait gu’n do bhuail Daibhidh uile shluagh Hadareseir righ Shobah, 10 Chuir e Hadoram a mhac gu righ Daibhidh, a chur fàilte air, agus g’a bheannachadh, a chionn gu’n do chog e ’n aghaidh Hadareseir, agus gu’n do bhuail se e; (oir bha Hadareser a’ cogadh re Tou;) agus leis-san gach uile ghné shoithichean òir, agus airgid, agus umha. 11 Iad sin mar an ceudna choisrig righ Daibhidh do’n Tighearna, maille ris an airgiod agus an òr a thug e o na cinneachaibh so uile; o Edom, agus o Mhoab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec. 12 Os bàrr, mharbh Abisai mac Sheruiah do na h-Edomaich ann an gleann an t-salainn ochd mìle deug. 13 Agus chuir e freiceadain ann an Edom, agus bha na h-Edomaich uile ’nan seirbhisich aig Daibhidh. Agus ghléidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. 14 Agus rìoghaich Daibhidh air Israel uile; agus bha e a’ cur an gnìomh breitheanais agus ceartais d’a shluagh uile. 15 Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h-armailte, agus Iehosaphad mac Ahiluid ’na sheanachaidh; 16 Agus Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech (3) mac Abiatair ’nan sagartaibh; agus Sabhsa ’na scrìobhuiche; 17 Agus Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus nam Peleteach. Agus b’iad mic Dhaibhidh bu mhò inbhe mu thimchioll an righ. CAIB. XIX. AGUS an déigh so fhuair Nahas righ chloinn Amoin bàs, agus rìoghaich a mhac ’na àit. 2 Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh (4) mi caoimhneas do Hanan mac Nahais, a chionn gu’n do nochd athair-san caoimhneas dhomhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu co’-fhurtachd (5) a thoirt da mu thimchioll athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, chum co’-fhurtachd a thabhairt da. 3 Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin re Hanun, An saoil thusa gur ann a chum urram a thabhairt do t’athair a chuir Daibhidh a t’ ionnsuidh luchd co’-fhurtachd? nach ann (1) II. Sam. Caib. VIII. r. 6. (2) Toi. (3) Abimelech. (4) Feuchaidh. (5) sòlas. [TD 347] I. EACHDRAIDH. CAIB. XIX. a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus g’a sgrios (1), a thàinig a sheirbhisich a t’ ionnsuidh? 4 Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bhearr e iad, agus ghearr e an eudach sa’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad. 5 Agus chaidh daoine, agus dh’innis iad do Dhaibhidh mar a bhuineadh ris na fearaibh, agus chuir esan teachdairean ’nan coinneamh, a chionn gu’n robh nàire mhòr air na daoinibh: agus thubhairt an righ, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs bhur feusag, agus an sin pillibh. 6 Agus an uair a chunnaic clann Amoin gu’n d’rinn siad iad féin gràineil (2) do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc-shluaigh dhoibh a Mesopotamia, agus a Siria-maachah, agus a Sobah. 7 Agus thuarasdalaich iad dà mhìle dheug thar fhichead fear, agus carbadan (3), agus righ Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad féin an ceann a chéile as am bailtibh, agus thàinig iad chum catha. 8 Agus an uair a chuala Daibhidh sin, chuir e mach Ioab, agus uile fheachd (4) nan daoine treuna. 9 Agus thàinig clann Amoin a mach, agus chuir iad an cath an ordugh fa chomhair geataidh a’ bhaile: agus bha na righrean a thàinig, leo féin anns a’ mhachair. 10 Agus an uair a chunnaic Ioab gu’n robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaobh agus air a chùlaobh, thagh e mach cuid do uile dhaoinibh taghta Israeil, agus chuir e ann an ordugh catha iad an aghaidh nan Sirianach. 11 Agus a’ chuid eile do’n t-sluagh thug e thairis do làimh Abisai a bhràthar, agus chuir iadsan iad féin an ordugh an aghaidh chloinn Amoin. 12 Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich ni’s treise na mise, an sin cuidichidh tusa leamsa: ach ma bhios clann Amoin ni’s treise na thusa, an sin cuidichidh mise leatsa. 13 Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh, agus air son bhailtean ar Dé: agus deanadh an Tighearn an ni a ta maith ’na shùilibh. 14 Agus thàinig Ioab am fagus, agus an sluagh a bha maille ris, an aghaidh nan Sirianach gu cath: agus theich iad roimhe. 15 Agus an uair a chunnaic clann Amoin gu’n do theich na Sirianaich, theich iadsan mar an ceudna roimh Abisai a bhràthair, agus chaidh iad a steach do’n bhaile. An sin thàinig Ioab gu h-Ierusalem. 16 Agus an uair a chunnaic na Sirianaich gu’n do bhuaileadh iad roimh Israel, chuir iad teachdairean uatha, agus thug iad a mach na Sirianaich a bh’air an taobh thall do’n abhuinn: agus chaidh Sophach ceannard armailte Hadareseir rompa. (1) g’a chur bun os cionn. Faic II. Sam. Caib. X r. 3. (2) fuathach. (3) dà mhìle dheug thar fhichead carbad. (4) armailt, shluagh. [TD 348] I. EACHDRAIDH. CAIB. XX. XXI. 17 Agus an uair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile, agus chaidh e thar Iordan, agus thàinig e orra, agus chuir e ’n cath an ordugh ’nan aghaidh. Agus an uair a chuir Daibhidh an cath an ordugh an aghaidh nan Sirianach, chog iad ris. 18 Agus theich na Sirianaich roimh Israel, agus mharbh Daibhidh do na Sirianaich fir sheachd mìle carbad, agus dà fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h-armailte. 19 Agus an uair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gu’n do bhuaileadh iad roimh Israel, rinn iad sìth re Daibhidh, agus rinn iad seirbhis da: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuille. CAIB. XX. AGUS aig teachd mu’n cuairt na bliadhna, mu’n àm anns an d’théid righrean a mach gu cogadh, tharruing Ioab a mach neart an airm, agus chuir e fàs dùthaich chloinn Amoin, agus thàinig e agus theannaich e Rabah; (ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem;) agus bhuail Ioab Rabah, agus sgrios se e. 2 Agus thug Daibhidh crùn an righ bhàrr a chinn, agus fhuair e cudthrom tàlainn òir ann, agus bha clacha luachmhor ann; agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh: agus thug e mach ro-mhòran creiche as a’ bhaile. 3 Agus thug e mach an sluagh a bha ann, agus ghearr e iad le sàbhan, agus le h-innealaibh-bualaidh (1) iaruinn, agus le tuaghaibh: agus mar so bhuin Daibhidh re uile bhailtibh chloinn Amoin. Agus phill Daibhidh agus an sluagh uile gu h-Ierusalem. 4 Agus ’na dhéigh so dh’éirich cogadh ann an Geser ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an t-Husatach Sipai a bha do shliochd an fhamhair, agus cheannsaicheadh iad. 5 Agus bha rìs cogadh ris na Philistich; agus bhuail Elhanan mac Iair Lahmi bràthair Gholiath a’ Ghitich, aig an robh crann a shleagha mar gharmain (2) figheadair. 6 Agus bha fathast cogadh ann an Gat, far an robh fear do mheudachd mhòir, agus sè meoir aige air gach làimh, agus sè air gach cois, ceithir thar fhichead an àireamh; agus rugadh esan mar an ceudna do’n fhamhair. 7 Ach an uair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan mac Shimea, bràthair Dhaibhidh, e. 8 Rugadh iad sin do’n fhamhair ann an Gat; agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach. CAIB. XXI. AGUS sheas Satan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnuich e Daibhidh gu Israel àireamh. 2 Agus thubhairt Daibhidh re Ioab, agus re uachdaranaibh an t-sluaigh, Rachaibh, àirmhibh Israel o Bheer-seba eadhon gu Dan; agus thugaibh an àireamh a m’ ionnsuidh-sa, chum gu’m bi fios agam air. 3 Agus fhreagair Ioab, Gu’n (1) cliathaibh. (2) shail. [TD 349] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXI. deanadh an Tighearn a shluagh féin ceud uair ni’s lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearn a righ, nach iad seirbhisich mo thighearn iad uile? C’ar son ma feadh a tha mo thighearn ag iarraidh an ni so? C’ar son a bhios e ’na aobhar ciontaidh do Israel? 4 Gidheadh, bhuadhaich focal an righ an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu h-Ierusalem. 5 Agus thug Ioab uibhir àireimh an t-sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann do Israel uile, mìle do mhìltibh agus ceud mìle fear a tharruing claidheamh; agus do Iudah, ceithir cheud agus deich agus tri fichead mìle fear a tharruing claidheamh. 6 Ach Lebhi agus Beniamin cha d’àireamh e ’nam measg; oir bha focal an righ gràineil do Ioab. 7 Agus mhi-thaitinn an ni so re Dia: uime sin bhuail e Israel. 8 Agus thubhairt Daibhidh re Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gu’n d’rinn mi an ni so: ach a nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu roamaideach. 9 Agus labhair an Tighearna re Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, 10 Falbh agus labhair re Daibhidh, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Tri nithe tha mi cur fa d’ chomhair: ròghnaich dhuit féin aon diubh, chum gu’n dean mi dhuit e. 11 Agus thàinig Gad a dh’ionnsuidh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Gabh do roghainn: 12 Aon chuid tri bliadhna gortaidh; no bhi tri mìosan a’ teicheadh (1) roimh do naimhdibh, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no tri laithean do chlaidheamh an Tighearn, eadhon do’n phlàigh anns an fhearann, agus aingeal an Tighearn a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a nis uime sin faic ciod a fhreagaireas mi dha-san a chuir uaith mi. 13 Agus thubhairt Daibhidh re Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteam a nis ann an làimh an Tighearna, oir is ro-lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam. 14 Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel: agus thuit do Israel deich agus tri fichead mìle fear. 15 Agus chuir Dia aingeal gu h-Ierusalem, chum a sgrios: agus an uair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearn, agus ghabh e aithreachas a thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha re sgrios, Is leòr e; cum a nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh re urlar-bualaidh Ornain (2) an Iebusaich. 16 Agus thog Daibhidh suas a shùilean, agus chunnaic e aingeal an Tighearn ’na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte ’na làimh, sìnte mach os cionn Ierusaleim: agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le (1) air do chlaoidh. Faic II. Sam. Caib. XXIV. r. 13. (2) Araunah. II. Sam. Caib. XXIV. r. 16. [TD 350] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXI. saic-eudach, sìos air an aghaidh. 17 Agus thubhairt Daibhidh re Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise féin a pheacaich, agus a rinn gu ro-olc; ach na caoraich so, ciod a rinn iadsan? Bitheadh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, a’m’ aghaidh-sa, agus an aghaidh tighe m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na bitheadh i, gu plàigh a chur orra. 18 An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh re Daibhidh, gu’n rachadh Daibhidh suas a thogail altarach do’n Tighearna ann an urlar-bualaidh Ornain an Iebusaich. 19 Agus chaidh Daibhidh suas air focal Ghaid, a labhair e ann an ainm an Tighearna. 20 Agus thionndaidh Ornan air ais, agus chunnaic e an t-aingeal (1); agus dh’fholaich a’ cheathrar mac, a bha maille ris, iad féin. A nis bha Ornan a’ bualadh cruithneachd. 21 Agus an uair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsuidh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e mach as an urlar-bhualaidh, agus chrom se e féin do Dhaibhidh le aghaidh gu làr. 22 An sin thubhairt Daibhidh re Ornan, Thoir dhomhsa àit an urlar-bhualaidh so, a chum gu’n tog mi altair ann do’n Tighearna: air a làn luach (2) bheir thu dhomh e, a chum gu’n caisgear a’ phlàigh o’n t-sluagh. 23 Agus thubhairt Ornan re Daibhidh, Gabh thugad (3) e, agus deanadh mo thighearn an righ an ni a ta maith ’na shùilibh: feuch, tha mi toirt a’ bhuair dhuit chum ìobairtean-loisgte, agus nan inneala-bualaidh chum connaidh, agus a’ chruithneachd chum tabhartais-bìdh: sin uile tha mi toirt duit. 24 Agus thubhairt righ Daibhidh re Ornan, Ni h-eadh, ach gu deimhin ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an ni a’s leatsa gu thoirt do’n Tighearna, agus cha d’thoir mi suas ìobairtean-loisgte gun chostus. 25 Uime sin thug Daibhidh do Ornan air an àite, sè ceud secel òir air thomhas. 26 Agus thog Daibhidh an sin altair do’n Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairte-loisgte agus ìobairte-sìth, agus ghairm e air an Tighearn; agus fhreagair se e le teine o nèamh air altair na h-ìobairt-loisgte. 27 Agus dh’àithn an Tighearna do’n aingeal, agus chuir e suas a chlaidheamh a rìs ’na thruaill. 28 San àm sin, an uair a chunnaic Daibhidh gu’n do fhreagair an Tighearn e ann an urlar-bualaidh Ornain an Iebusaich, dh’ìobair e an sin: 29 Oir bha pàilliun an Tighearn a rinn Maois san fhàsach, agus altair na h-ìobairt-loisgte san àm sin anns an àit ard ann an Gibeon. 30 Ach cha b’urrainn Daibhidh dol ’na làthair, a dh’fhiosrachadh do Dhia; oir bha e fuidh eagal air son claidheimh aingil an Tighearna. (1) an righ. (2) làn airgiod. Eabh. (3) chugad. [TD 351] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXII. CAIB. XXII. AGUS thubhairt Daibhidh, Is e so (1) tigh an Tighearna Dé, agus is i so altair na h-ìobairt-loisgte do Israel. 2 Agus dh’àithn Daibhidh na coigrich a bha ann am fearann Israeil a chruinneachadh an ceann a chéile; agus chuir e clachairean a ghearradh chlach snaidhte a thogail tighe Dhé. 3 Agus sholair Daibhidh iarunn ann am pailteas chum tairngean do chomhlaichibh (2) nan geata, agus a chum nan dhlùthadh; agus umha ann am pailteas, gun tomhas; 4 Agus fiodh seudair gun àireamh, oir thug na Sidonaich agus muinntir Thiruis fiodh seudair am pailteas a dh’ionnsuidh Dhaibhidh. 5 Agus thubhairt Daibhidh, Tha Solamh mo mhac òg agus maoth; agus an tigh a tha re thogail do’n Tighearn, is còir a dheanamh mòr agus ard (3), a chum gu’m bi e ainmeil agus ’na aobhar uaill air feadh gach uile thìr: uime sin ulluichidh mise fa chomhair. Agus dh’ulluich Daibhidh gu pailt roimh a bhàs. 6 Agus ghairm e air Solamh a mhac, agus dh’àithn e dha tigh a thogail do’n Tighearna Dia Israeil. 7 Agus thubhairt Daibhidh re Solamh, A mhic, air mo shonsa dheth, bha ann am aire tigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhé; 8 Ach thàinig focal an Tighearn a m’ ionnsuidh, ag ràdh, Dhòirt thu mòran fola, agus rinn thu coganna mòra: cha tog thu tigh do m’ainm-sa, chionn gu’n do dhòirt thu mòran fola air an talamh a’m’ fhianuis. 9 Feuch, beirear mac dhuit: bithidh esan ’na dhuine foistinneach, agus bheir mise fois dha o ’naimhdibh uile m’an cuairt; oir bithidh Solamh mar ainm air, agus sìth agus suaimhneas bheir mise do Israel r’a linn-san. 10 Togaidh esan tigh do m’ainm-sa, agus bithidh e ’na mhac dhomh, agus bithidh mise a’m’ athair dha-san; agus daingnichidh mi righ-chathair a rìoghachd os cionn Israeil gu bràth. 11 A nis uime sin, a mhic, gu’n robh an Tighearna maille riut, chum gu’n soirbhich thu, agus gu’n tog thu tigh an Tighearna do Dhé, mar a labhair e mu d’ thimchioll. 12 A mhàin gu’n d’thugadh an Tighearna dhuit gliocas agus tuigse, agus gu’n d’thugadh e dhuit àithne a thaobh Israeil, chum gu’n gléidh thu lagh an Tighearna do Dhé. 13 An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu ’n aire gu’n coimh-lion thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a thaobh Israeil: bi làidir agus biodh deagh mhisneach agad, na gabh eagal agus na bi fa uamhann. 14 A nis feuch, ann am theanntachd (4) dh’ulluich mise fa chomhair tighe an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle do mhìltibh tàlann airgid, agus do umha agus do iarunn gun tomhas (oir a ta ro-phail- (1) An so bithidh. (2) dhorsaibh. (3) a dheanamh ro-mhòr. (4) bhochdainn, àmhghar. [TD 352] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXIII. teas ann:) fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ulluich mi; ach feudaidh tusa cur riu. 15 Mar an ceudna tha luchd-oibre am pailteas agad, snaidheadairean agus luchd saoithreach cloiche agus fiodha, agus gach uile ghné dhaoine tùrail (1) fa chomhair gach gné oibre. 16 Air an òr, an airgiod, agus an umha, agus an iarunn, cha ’n’eil àireamh. Eirich agus dean romhad, agus gu robh an Tighearna maille riut. 17 Dh’àithn Daibhidh mar an ceudna do uachdaranaibh Israeil gn léir, iad a chuideachadh le Solamh a mhac, ag ràdh, 18 Nach ’eil an Tighearna bhur Dia maille ribh, agus nach d’thug e dhuibh suaimhneas (2) air gach taobh? oir thug e luchd-àiteachaidh na tìre a’m’ làimh-sa, agus tha’n tìr air a cìosnachadh roimh an Tighearn, agus roimh a shluagh. 19 A nis uime sin socraichibh bhur cridhe bhur n-anam a dh’iarraidh an Tighearna bhur Dé: éiribhse agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dé, chum gu’n d’thoir sibh steach àirc coi’-cheangail an Tighearna, agus soithichean naomha Dhé, do’n tigh a tha r’a thogail do ainm an Tighearna. CAIB. XXIII. A NIS an uair a bha Daibhidh sean agus làn do laithibh, rinn e Solamh a mhac ’na righ air Israel. 2 Agus chruinnich e ’n ceann a chéile ceannardan (3) Israeil uile, agus na sagairt agus na Lebhithich. 3 Agus dh’àirmheadh na Lebhithich o aois dheich bliadhna fichead agus os a chionn: agus b’e an àireamh air an cinn, duin’ air dhuine, ochd mile deug thar fhichead. 4 Dhiubh sin bha ceithir mìle fichead gu obair tighe an Tighearn a chur air a h-aghaidh, agus sè mìle ’nan luchd-riaghlaidh agus ’nam breitheamhnaibh; 5 Agus ceithir mìle ’nan dorsairibh; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h-innealaibh a rinn Daibhidh (4) gu cliùthachadh. 6 Agus roinn Daibhidh iad ’nan roinnibh (5) eadar mhacaibh Lebhi, eadhon Ghersoin, Chohait agus Mherari. 7 Do na Gersonaich; Laadan agus Simei. 8 Mic Laadain; Iehiel an ceann, agus Setam, agus Ioel, triuir. 9 [Mic Shimei; Selomit, agus Hasiel, agus Haran, triuir.] B’iad sin cinn aithriche Laadain. 10 Agus mic Shimei; Iahat, Sidsa (6), agus Ieus, agus Beriah. B’iad sin mic Shimei, ceathrar. 11 Agus b’e Iahat an ceann, agus Sidsa an dara fear: ach cha robh mòran mhac aig Ieus agus Beriah; uime sin bha iad ann an aon àireamh, a réir tighe an aithriche. 12 Mic Chohait; Amram, Itsar, Hebron, agus Udsiel, ceathrar. 13 Mic Amraim; Aaron agus Maois: agus dhealaicheadh Aaron chum gu’n naomhaich- (1) glic, seòlta. (2) fois. (3) uachdarain. (4) a rinn mise (arsa Daibhidh). (5) ’nam buidhnibh mu’n seach. (6) Sina. [TD 353] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXIII. eadh e na nithe ro-naomha, e féin agus a mhic gu bràth, gu’n loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gu’m fritheileadh e dha, agus gu’m beannaicheadh e ainm gu bràth. 14 A nis mu thimchioll Mhaois òglaich Dhé, bha a mhic air an ainmeachadh do thréibh Lebhi. 15 Mic Mhaois; Gersom agus Elieser. 16 Mic Ghersoim; Sebuel an ceann. 17 Agus b’iad mic Elieseir; Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elieser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro-lìonmhor. 18 Mic Itsair; Selomit an ceann. 19 Mic Hebroin; Ieriah an ceud fhear (1), Amariah an dara, Iahasiel an treas, agus Iecameam an ceathramh. 20 Mic Udsieil; Micah an ceud fhear, agus Iesiah an dara. 21 Mic Mherari; Machli agus Musi: mic Mhachli; Eleasar agus Cis. 22 Agus fhuair Eleasar bàs, agus cha robh mic aige, ach a mhàin nigheana: agus ghabh am bràithre mic Chis iad. 23 Mic Mhusi; Machli, agus Eder, agus Ieremot, triuir. 24 B’iad sin mic Lebhi, a réir tighe an aithriche, cinn nan aithriche, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmeanna air an cinn, a rinn obair seirbhis tighe an Tighearna, o aois fhichead bliadhna agus os a chionn. 25 Oir thubhairt Daibhidh, Tha’n Tighearna Dia Israeil air toirt fois d’a shluagh, agus gabhaidh iad còmhnuidh ann an Ierusalem gu bràth. 26 Agus mar an ceudna a thaobh nan Lebhitheach, cha bhi’m pàilliun aca ni’s mò r’a iomchar, agus uile shoithichean a sheirbhis. 27 Oir le briathraibh deireannach Dhaibhidh dh’àirmheadh na Lebhithich o aois fhichead bliadhna agus os a chionn: 28 A chionn gu’m b’e an dreuchd-san bhi fuidh làimh mhac Aaroin fa chomhair seirbhis tighe an Tighearna, anns na cùirtibh, agus anns na seomraichibh, agus ann an glanadh nan uile nithe naomha, agus ann an obair seirbhis tighe Dhé; 29 Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne chum tabhartais-bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo-ghoirtichte, agus fa chomhair nan nithe a dheasaichear san aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud; 30 Agus a chum seasamh gach maduinn a thoirt buidheachais agus cliu do’n Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar; 31 Agus a chum gach ìobairt-loisgte thoirt suas do’n Tighearn, air na sàbaidibh, agus air na gealaichibh nuadh (2), agus air na féillibh suidhichte, ann an àireamh, a réir na riaghailt a dh’àithneadh dhoibh a ghnàth an làthair an Tighearna. 32 Agus a chum gu’n gleidheadh iad cùram pàilliuin a’ choi’-thionail, agus cùram an ionaid naoimh, agus cùram mhac Aaroin am bràithre, ann an seirbhis tighe an Tighearna. (1) an ceann. Eabh. (2) nomha. [TD 354] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXIV. CAIB. XXIV. AGUS is iad so roinnean mhac Aaroin. Mic Aaroin; Nadab, agus Abihu, Eleasar agus Itamar. 2 Ach fhuair Nadab agus Abihu bàs roimh an athair, agus cha robh clann aca: uime sin fhritheil Eleasar agus Itamar ann an dreuchd an t-sagairt. 3 Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc do mhacaibh Eleasair, agus Ahimelech do mhacaibh Itamair, a réir an àireimh ’nan seirbhis. 4 Agus fhuaradh (1) mic Eleasair ni’s lìonmhoire ’nam prìomh dhaoinibh (2) na mic Itamair; agus mar so roinneadh iad: Do mhacaibh Eleasair bha sè prìomh dhaoine (3) deug, a réir tighe an aithriche; agus do mhacaibh Itamair ochdnar, a réir tighe an aithriche. 5 Agus roinneadh iad le crannchur, iad so leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naomha, agus uachdarain nam breitheamhna (4), do mhacaibh Eleasair agus do mhacaibh Itamair. 6 Agus scrìobh Semaiah mac Netaneeil an scrìobhuiche, duine do na Lebhithich iad, am fianuis an righ agus nan uachdaran, agus Shadoic an t-sagairt, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cheann aithriche nan sagart agus nan Lebhitheach; aon phrìomh thigh (5) air a ghabhail air son Eleasair, agus aon air a ghabhail air son Itamair. 7 Agus thàinig a’ cheud chrann a mach do Iehoiarib, an dara do Iedaiah, 8 An treas do Harim, an ceathramh do Sheorim, 9 An cùigeadh do Mhalchiah, an seathadh do Mhiamin; 10 An seachdamh do Hacots, an t-ochdamh do Abiah, 11 An naothadh do Iesua, an deicheamh do Shechaniah, 12 An t-aon-deug do Eliasib, an dara crann deug do Iacim, 13 An treas deug do Chupah, an ceathramh deug do Iesebeab, 14 An cùigeadh deug do Bhilgah, an seathadh deug do Imer, 15 An seachdamh deug do Hedsir, an t-ochdamh deug do Aphses, 16 An naothadh deug do Phetahiah, am ficheadamh do Iehesecel, 17 An t-aon thar fhichead do Iachin, an dara thar fhichead do Ghamul, 18 An treas thar fhichead do Dhelaiah, an ceathramh thar fhichead do Mhaasiah. 19 B’e sin an àireamh a réir an seirbhis chum teachd a steach do thigh an Tighearn, a réir an gnàtha, fuidh làimh Aaroin an athar, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil dha. 20 Agus a thaobh a’ chuid eile do mhacaibh Lebhi: do mhacaibh Amraim; Subael (6): do mhacaibh Shubaeil; Iehdeiah. 21 A thaobh Rehabiah: do mhacaibh Rehabiah, an ceud fhear (7) Isiah. 22 Do na h-Itsaraich; Selo- (1) fhuaras. (2) ’nan ceannaibh dhaoine. Eabh. (3) ceanna. (4) uachdarain Dhé. Eabh. (5) tigh athar. Eabh. (6) Sebuel. Caib. XXIII r. 16. (7) an ceann. Eabh. [TD 355] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXV. mot: do mhacaibh Shelomoit; Iahat. 23 Agus mic Hebroin; Ieriah an ceud fhear, Amariah an darna, Iahasiel an treas, Iecameam an ceathramh. 24 Do mhacaibh Udsieil; Michah: do mhacaibh Mhichah; Samir. 25 B’e bràthair Mhichah Isiah: do mhacaibh Isiah; Sechariah. 26 B’iad mic Mherari, Machli agus Musi: [mic Iaasiah; Beno. 27 Mic Mherari le Iaasiah; Beno, agus Soham, agus Sachur, agus Ibri.] 28 O Mhachli thàinig Eleasar, aig nach robh mic sam bith. 29 A thaobh Chis: mic Chis; Ierahmeel. 30 Agus mic Mhusi; Machli, agus Eder, agus Ierimot. B’iad sin mic nan Lebhitheach, a réir tighe an aithriche. 31 Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithre mhac Aaroin, am fianuis Dhaibhidh an righ, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cheann aithriche nan sagart agus nan Lebhitheach, eadhon cinn nan aithriche fa chomhair am bràithrean a b’òige. CAIB. XXV. OS bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t-sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis do mhacaibh Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dheanadh fàidheadaireachd (1), le clàrsaichibh, le saltairibh, agus le ciombalaibh. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a réir an seirbhis: 2 Do mhacaibh Asaiph; Sachur, agus Ioseph, agus Netaniah, agus Asarelah, mic Asaiph, fuidh làimh Asaiph a bha re fàidheadaireachd a réir àithne an righ. 3 O Iedutun: mic Iedutuin; Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sèathnar fuidh làimh an athar Iedutuin, a bha re fàidheadaireachd la clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliu do’n Tighearna. 40 O Heman: mic Hemain; Buciah, Mataniah, Udsiel, Sebuel, agus Ierimot, Hananiah, Hanani, Eliatah, Gidalti, agus Romamtieser, Iosbecasah, Maloti, Hotir, Mahasiot. 5 B’iad sin uile mic Hemain, fhir-seallaidh an righ, ann am briathraibh Dhé chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir mic dheug agus tri nigheana. 6 Bha iad so uile fuidh làimh an athar, fa chomhair laoidhean tighe Dhé, le ciombalaibh, saltairibh agus clàrsaichibh chum seirbhis tighe Dhé, fuidh làimh an righ, Asaiph, Hemain agus Iedutuin (2). 7 Agus b’e an àireamh maille r’am bràithribh, a fhuair iunnsachadh air laoidhibh an Tighearna, eadhon iadsan uile a bha tùrail, dà cheud ceithir fichead agus ochdnar. 8 Agus chuir iad crannchur, buidheann an aghaidh buidhne, am beag co maith ris a’ mhòr, (1) a sheinneadh laoidhean fàistineachd. (2) a réir àithne an righ do Asaph, Iedutun agus Heman. [TD 356] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXVI. an t-oid’-iunnsaich co maith ris an fhòghlumach. 9 Agus thàinig an ceud chrannchur a mach air Asaph, do Ioseph: an dara do Ghedaliah, dha féin agus d’a bhràithribh agus d’a mhacaibh, dà fhear dheug: 10 An treas do Shachur, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 11 An ceathramh do Isri (1), d’a mhacaibh agus d’à bhràithribh, dà fhear dheug: 12 An cùigeadh do Netaniah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 13 An seathadh do Bhuciah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug. 14 An seachdamh do Iesarelah (2), d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug. 15 An t-ochdamh do Iesaiah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 16 An naothadh do Mhataniah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 17 An deicheamh do Shimei, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 18 An t-aon deug do Asareel (3), d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 19 An dara crannchur deug do Hasabiah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 20 An treas deug do Shubael, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 21 An ceathramh deug do Mhatitiah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, da fhear dheug: 22 An cùigeadh deug do Ierimot, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 23 An seathadh deug do Hananiah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, da fhear dheug: 24 An seachdamh deug do Iosbecasah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 25 An t-ochdamh deug do Hanani, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 26 An naothadh deug do Mhaloti, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 27 Am ficheadamh do Eliatah, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 28 An t-aon thar fhichead do Hotir, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 29 An dara thar fhichead do Ghidalti, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 30 An treas thar fhichead do Mhahasiot, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug: 31 An ceathramh thar fhichead do Romamtieser, d’a mhacaibh agus d’a bhràithribh, dà fhear dheug. CAIB. XXVI. A THAOBH roinnean nan dorsair: do na Corhaich, Meselemiah mac Chore, do mhacaibh Asaiph. 2 Agus mic Mheselemiah; Sechariah an ceud-ghin, Iediael an dara, Sebadiah an treas, Iatniel an ceathramh, 3 Elam an cùigeadh, Iehohanan an seathadh, Elioenai an seachdamh. 4 Agus mic Obed-edoim; Semaiah an ceud-ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treas, agus (1) Seri. r. 3. (2) Asarelah. r. 2. (3) Udsiel. r. 4. [TD 357] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXVI. Sacar an ceathramh, agus Netaneel an cùigeadh, 5 Amiel an seathadh, Isachar an seachdamh, Peultai an t-ochdamh; oir bheannaich Dia e. 6 Agus do Shemaiah a mhac rugadh mic, a bha riaghladh tighe an athar; oir bu daoine treun iad. 7 Mic Shemaiah; Otni, agus Rephael, agus Obed, Elsabad: agus b’iad am bràithre, daoine gaisgeil (1), Elihu agus Semachiah. 8 Iad sin uile do mhacaibh Obed-edoim: iad féin agus am mic agus am bràithrean, daoine comasach an neart fa chomhair na seirbhis, ’nan tri fichead agus a dhà, o Obed-edom. 9 Agus bha aig Meselemiah mic agus bràithre, daoine gaisgeil, ochd fir dheug. 10 Agus bha aig Hosah do chloinn Mherari, mic; Simri an ceann: (oir ge nach b’e an ceud-ghin, gidheadh rinn athair e ’na cheann:) 11 Hilciah an dara fear, Tebaliah an treas, Sechariah an ceathramh: uile mhic agus bhràithrean Hosah tri deug. 12 Dhiubh sin bha roinnean nan dorsair, eadhon do na prìomh dhaoinibh a bha re faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an tigh an Tighearna. 13 Agus thilg iad croinn, am beag co maith ris a’ mhòr, a réir tighe an aithriche, air son gach geataidh. 14 Agus thuit an crannchur a làimh na h-aird’ an ear air Selemiah: agus thilg iad croinn airson a mhic Sechariah (comhairliche glic,) agus thàinig a chrannchur-san a mach mu thuath. 15 Do Obed-edom mu dheas, agus d’a mhacaibh tigh Asupim (2). 16 Do Shupim agus do Hosah a làimh na h-aird’ an iar, maille ris a’ gheatadh Salechet, làimh re cruaidh-rathad (3) na h-uchdaich, faire fa chomhair faire. 17 Air an taobh an ear bha sèathnar Lebhitheach, air an taobh mu thuath ceathrar gach là, air an taobh mu dheas ceathrar gach là, agus air taobh Asupim dithis agus dithis. 18 Aig Parbar a làimh na h-aird’ an iar, ceathrar aig a’ chruaidh-rathad, agus dithis aig Parbar. 19 Is iad sin roinnean nan dorsair do mhacaibh Chore, agus do mhacaibh Mherari. 20 Agus do na Lebhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan tighe Dhé, agus os cionn ionmhasan nan nithe naomha. 21 A thaobh mhac Laadain: mic a’ Ghersonaich Laadain, prìomh aithriche, eadhon o Laadan an Gersonach bha Iehieli. 22 Mic Iehieli; Setam, agus Ioel a bhràthair, a bha os cionn ionmhasan tighe an Tighearna. 23 Do na Hamramaich, do na h-Idsaraich, do na Hebronaich, agus do na h-Udsielich. 24 Agus bha Sebuel mac Ghersoim, mhic Mhaois, ’na ard riaghlair air na h-ionmhasaibh. 25 Agus a bhràithre le Elieser; Rehabiah a mhac, agus Iesaiah a mhac-san, agus Ioram a mhac-san, agus Sichri a mhac-san, agus Selomit a mhac-san. 26 B’e Selomit so agus a bhràithrean, a bha os cionn uile ionmhasa nan nithe coisrigte, a (1) mic gaisge. Eabh. (2) tigh an tionail. (3) causey. Sasg. [TD 358] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXVII. choisrig Daibhidh an righ, agus cinn nan aithriche, agus an ceannarda mhìlte agus cheud, agus ceannardan an t-slòigh. 27 As na cathaibh agus as na creachaibh choisrig iad tabhartais a chàramh tighe an Tighearna. 28 Agus gach uile ni a choisrig Samuel am fear seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Ner, agus Ioab mac Sheruiah, agus ge b’e neach a choisrig ni air bith, bha sin so làimh Shelomit agus a bhràithrean. 29 Do na h-Idsaraich, bha Chenaniah agus a mhic fa chomhair nan gnothuichean o’n leth muigh, os cionn Israeil ’nan luchd-riaghlaidh (1) agus ’nam breitheamhnaibh. 30 Do na Hebronaich, bha Hasabiah agus a bhràithre, daoine gaisgeil, mìle agus seachd ceud fear, ’nan luchd-riaghlaidh air Israel air an taobh so do Iordan a làimh na h-airde ’n iar, ann an uile ghnothuichibh an Tighearna, agus ann an seirbhis an righ. 31 Do na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a réir ginealach aithriche. Anns an dà fhicheadamh bliadhna do rìoghachadh Dhaibhidh, dh’iarradh iad, agus fhuaradh ’nam measg daoine treun ann an Iaser Ghilead. 32 Agus a bhràithre, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad ’nan riaghladairibh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth-thréibh Mhanaseh, anns gach ni a bhuineadh do Dhia agus ann an gnothuichibh an righ. CAIB. XXVII. A NIS bha clann Israeil, a réir an àireimh, eadhon cinn nan aithriche (2), agus na ceannarda mhìlte agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh do’n righ anns gach cùis a bhuineadh do na roinnibh, a bha teachd a steach agus a’ dol a mach mìos air mhìos, air feadh uile mhìos na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir mìle fichead fear. 2 Os cionn na ceud roinne fa chomhair a’ cheud mhìos bha Iasobeam mac Shabdieil: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 3 Do chloinn Pheres bha ceann uile cheannardan an t-slòigh fa chomhair a’ cheud mhìos. 4 Agus os cionn roinn an dara mìos bha Dodai an t-Ahohach, agus air a roinn-san b’e Miclot am fear-riaghlaidh: agus ’na roinn-san mar an ceudna bha ceithir mìle fichead. 5 B’e treas ceannard an t-slòigh fa chomhair an treas mìos Benaiah, mac Iehoiada ard shagairt: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 6 So am Benaiah ud a bha treun am measg an deich thar fhichead, agus os cionn an deich thar fhichead: agus ’na roinn-san bha Amisabad a mhac. 7 B’e’n ceathramh ceannard fa chomhair a’ cheathramh mìos Asahel bràthair Ioaib, agus Sebadiah a mhac ’na dhéigh: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 8 B’e’n cùigeadh ceannard fa chomhair a’ chùigeadh mìos Samhut an t-Israhach: agus ’na (1) luchd-dreuchd. (2) cinn nan teaghlach, na prìomh aithriche. [TD 359] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXVII. roinn-san bha ceithir mìle fichead. 9 B’e’n seathadh ceannard fa chomhair an t-seathadh mìos, Ira, mac Iceis, an Tecothach: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 10 B’e ’n seachdamh ceannard fa chomhair an t-seachdamh mìos Heles am Pelonach do chloinn Ephraim: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 11 B’e’n t-ochdamh ceannard fa chomhair an ochdamh mìos Sibecai an t-Husatach do na Sarhaich: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 12 B’e ’n naothadh ceannard fa chomhair an naothadh mìos Abieser an t-Anetotach do chloinn Iamin: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 13 B’e ’n deicheamh ceannard fa chomhair an deicheamh mìos Maharai an Netophatach do na Sarhaich: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 14 B’e ’n t-aon cheannard deug fa chomhair an aon mhìos deug Benaiah am Piratonach do chloinn Ephraim: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 15 B’e ’n dara ceannard deug fa chomhair an dara mìos deug Heldai an Netophatach o Otniel: agus ’na roinn-san bha ceithir mìle fichead. 16 Os bàrr, os cionn threubh Israeil: b’e ceannard nan Reubeneach, Elieser mac Shichri: nan Simeonach, Sephatiah mac Mhaachah: 17 Nan Lebhitheach, Hasabiah mac Chemueil: nan Aaronach, Sadoc: 18 Ceannard Iudah, Elihu (1) aon do bhràithribh Dhaibhidh: ceannard Isachair, Omri mac Mhichaeil: 19 Shebuluin, Ismaiah mac Obadiah: ceannard Naphtali, Ierimot mac Asrieil: 20 Ceannard chloinn Ephraim, Hosea mac Asasiah: leth-thréibh Mhanaseh, Ioel mac Phedaiah. 21 Ceannard leth thréibh Mhanaseh ann an Gilead, Ido mac Shechariah: Bheniamin, Iaasiel mac Abneir: 22 Dhain, Asareel mac Ierohaim. B’iad sin ceannarda threubh Israeil. 23 Ach cha do ghabh Daibhidh an àireamh o aois fhichead bliadhna agus fuidh; a chionn gu’n dubhairt an Tighearn, gu’n deanadh e Israel lìonmhor mar reulta nan nèamh. 24 Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu’n robh air a shon so fearg an aghaidh Israeil; cha mhò chuireadh sìos an uibhir (2) ann an àireamh (3) eachdraidh righ Daibhidh. 25 Agus os cionn ionmhasan an righ bha Asmabhet mac Adieil: agus os cionn nan tigh-tasgaidh anns na machairibh, anns na mòr-bhailtibh, agus anns na frith-bhailtibh, agus anns na tùraibh (4), bha Iehonatan mac Udsiah. 26 Agus os an cionn-san a rinn obair na macharach ann an treabhadh an fhearainn bha Esri mac Cheluib. 27 Agus os cionn nam fìon-lios bha Simei an Ramatach: os cionn toraidh nam fìon-lios (1) Eliah. (2) àireamh. (3) a réir àireimh. (4) caistealaibh. [TD 360] I. EACHDRAIDH. XXVIII. fa chomhair nam fìon-thaisgeach bha Sabdi an Siphmitheach. 28 Agus os cionn nan craobh ola agus nan craobh sicamoir a bha sna còmhnardaibh ìosal bha Baal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeach ola bha Ioas. 29 Agus os cionn a’ chruidh a bha air feurach ann an Saron bha Sitrai an Saronach: agus os cionn a’ chruidh anns na gleanntaibh bha Saphat mac Adlai. 30 Os cionn nan càmhal mar an ceudna bha Obil an t-Ismaeleach: agus os cionn nan asal bha Iehdeiah am Meronotach. 31 Agus os cionn nan treud bha Iasis an t-Hagereach. B’iad sin uile luchd-riaghlaidh na maoin bu le righ Daibhidh. 32 Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh ’na chomhairleach, ’na dhuine glic, agus ’na scrìobhuiche: agus bha Iehiel mac Hachmoni maille re mic an righ. 33 Agus b’e Ahitophel comhairleach an righ, agus Husai an t-Architheach companach (1) an righ. 34 Agus an déigh Ahitopheil bha Iehoiada mac Bhenaiah, agus Abiatar. Agus b’e Ioab ceannard armailt an righ. CAIB. XXVIII. AGUS chruinnich Daibhidh gu h-Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannarda nan treubh, agus ceannarda nan roinn (2) a bha frithealadh do’n righ, agus na ceannarda mhìltean, agus na ceannarda cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus spréidh an righ agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoinibh cumhachdach agus na daoinibh gaisgeil uile. 2 An sin sheas Daibhidh an righ suas air a chosaibh, agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, mo bhràithre, agus mo shluagh: Bha e agamsa a’m’ chridhe tigh-còmhnuidh a thogail do àirc coi’-cheangail an Tighearna, agus do stòl-chos ar Dé-ne, agus dh’ulluich mi fa chomhair na h-oibre: 3 Ach thubhairt Dia rium, Cha tog thu tigh do m’ainm-sa, a chionn gu’n robh thu a’t’ fhear-cogaidh, agus gu’n do dhòirt thu fuil. 4 Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi roimh uile thigh m’athar, gu bhi m’ righ air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iudah mar riaghlair, agus a tigh Iudah tigh m’athar-sa, agus am measg mhac m’athar bu toil leis mise a dheanamh a’m’ righ os cionn Israeil uile. 5 Agus do m’ mhacaibh uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh) roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air righ-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil. 6 Agus thubhairt e rium, Togaidh Solamh do mhac mo thigh-sa agus mo lùchairte; oir thagh mi e gu bhi ’na mhac agam, agus bithidh mise a’m’ athair aige-san. 7 Os bàrr, daingnichidh mi a rìoghachd gu bràth, ma bhios esan seasmhach a choi’-lionadh m’àitheantan agus mo bhreith- (1) caidreach, caraid. (2) nam buidheann. [TD 361] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXVIII. eanais, mar air an la’n diugh. 8 A nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co’-chruinneachaidh an Tighearna, agus ann an éisdeachd ar Dé-ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna bhur Dé; chum gu sealbhaich sibh am fearann maith so, agus gu fàg sibh e mar oighreachd d’ar cloinn ’nar déigh gu bràth. 9 Agus thusa a Sholamh, a mhic, biodh aithne agad air Dia t’athar, agus dean seirbhis da le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha’n Tighearn a’ rannsachadh nan uile chridhe, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tus’ esan, gheibhear e leat; ach ma thréigeas tu e, tilgidh e uaith thu gu bràth. 10 Thoir an aire a nis, oir thagh an Tighearn thu gu tigh a thogail do’n ionad naomh; bi làidir agus dean e. 11 An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac, samhladh an sgàth-thigh, agus a thighean, agus ionadan-ionmhais, agus a sheomraichean uachdarach, agus a sheomraichean an leth stigh, agus àite na caithir-thròcair. 12 Agus samhladh nan uile nithe a bha aige ’na inntinn (1), a thaobh lùchairtean tighe an Tighearna, agus a thaobh nan uile sheomraiche mu’n cuairt, a thaobh ionadan-ionmhais tighe Dhé, agus a thaobh ionada-tasgaidh nan nithe coisrigte. 13 Mar an ceudna thaobh roinnean nan sagart agus nan Lebhitheach, agus a thaobh uile oibre seirbhis tighe an Tighearna, agus a thaobh nan uile shoithiche seirbhis ann an tigh an Tighearna. 14 A thaobh òir air chudthrom chum nithe òir, chum uile inneala gach uile ghnè sheirbhis; a thaobh airgid chum uile innealan airgid, air chudthrom chum uile inneala gach uile ghnè sheirbhis: 15 Eadhon an cudthrom chum nan coinnleir òir, agus a chum an lòchrana òir, air chudthrom chum gach coinnleir agus a lòchrana: agus a chum nan coinnleir airgid air chudthrom, chum a’ choinnleir agus a lòchrana, a réir feuma gach coinnleir. 16 Agus òr air chudthrom chum bhord an arain thaisbeanta, chum gach buird, agus airgiod chum nam bord airgid; 17 Mar an ceudna òr glan chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan copan: agus a chum nan soitheach-ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid; agus airgiod air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid airgid: 18 Agus a chum altair na tùise òr fìor-ghlan air chudthrom, agus òr fa chomhair samhlaidh carbaid nan cherub, a sgaoil a mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coi’-cheangail an Tighearna. 19 So uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearn orm a thuigsinn ann an scrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile oibre an t-samhlaidh so. 20 Agus thubhairt Daibhidh re Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dean e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bithidh an (1) o’n Spiorad. [TD 362] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXIX. Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; cha ’n fhàilnich e thu, cha mhò a thréigeas e thu, gus an crìochnaich thu ’n obair uile fa chomhair seirbhis tighe an Tighearna. 21 Agus feuch, roinnean nan sagart agus nan Lebhitheach maille riut chum uile sheirbhis tighe Dhé, agus maille riut a chum gach uile ghnè oibre, gach duine toileach tùrail fa chomhair gach uile ghnè sheirbhis; agus na ceannardan agus an sluagh gu h-iomlan freagarrach do t’àitheantaibh uile. CAIB. XXIX. AGUS thubhairt Daibhidh an righ ris a’ cho’-chruinneach uile, Tha Solamh mo mhac d’an d’rinn Dia a mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha ’n obair mòr: oir cha’n ann air son duine ach air son an Tighearna Dé tha an lùchairt. 2 A nis le m’uile neart dh’ulluich mise fa chomhair tighe mo Dhé, an t-òr chum nithe do òr, agus an t-airgiod chum nithe do airgiod, agus an umha chum nithe do umha, agus an t-iarunn chum nithe do iarunn, agus am fiodh chum nithe do fhiodh; clachan onics, agus clachan r’an cur, clachan lonrach agus do iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clacha marmoir am pailteas. 3 Os bàrr, a chionn gu’n do shocraich mi m’aigne air tigh mo Dhé, tha agam do m’ sheilbh àraidh féin, do òr agus do airgiod a thug mi seachad do thigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ulluich mi uile fa chomhair an tighe naomha, 4 Tri mìle tàlann òir, do òr na h-Ophir, agus seachd mìle tàlann do airgiod fìor-ghlan, a chòmhdachadh bhallachan an tighe (1): 5 An t-òr fa chomhair nithe do òr, agus an t-airgiod fa chomhair nithe do airgiod, agus fa chomhair gach uile ghnè oibre a nithear le làmhaibh luchd-cirde. Agus cò a tha toileach air a sheirbhis a choisreagadh an diugh do’n Tighearna? 6 An sin thug cinn nan aithriche (2) agus uachdarain threubh Israeil, agus na ceannarda mhìltean agus cheud, maille ris an luchd-riaghlaidh os cionn oibre an righ, tabhartais uatha gu toileach. 7 Agus thug iad seachad fa chomhair seirbhis tighe Dhé, do òr cùig mìle tàlann agus deich mìle darcon, agus do airgiod deich mìle tàlann, agus do umha ochd mìle deug tàlann, agus ceud mìle tàlann iaruinn. 8 Agus ge b’e aig an d’fhuaradh clacha luachmhora, thug iad seachad iad do ionmhas tighe an Tighearna, le làimh Iehieil a’ Ghersonaich. 9 Agus rinn an sluagh gairdeachas a chionn gu’n d’thug iad uatha gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gu’n thug iad tabhartas uatha gu toileach do’n Tighearna: agus rinn Daibhidh an righ mar an ceudna gairdeachas le aoibhneas mòr. 10 Air an aobhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearn ann am fianuis a’ cho’-chruinnich uile, agus thubhairt Daibhidh, Gu ma beannuicht’ thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n-athar gu saoghal nan saoghal. (1) nan tighean. (2) nan teaghlach. [TD 363] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXIX. 11 Is leatsa, O Thighearn, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h-uile ata air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air t’ardachadh mar cheann thar na h-uile. 12 Uaitse tha teachd araon saibhreas agus urram, agus tha thu rìoghachadh os cionn gach uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dheanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile. 13 A nis uime sin, ar Dia-ne, tha sinn a’ toirt buidheachais duit, agus a’ cliùthachadh t’ainm urramaich. 14 Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gu’m biodh e ’nar comas tabhartais a thoirt seachad co toileach air an dòigh so? oir is ann uaitse tha na h-uile nithe, agus is ann do d’ chuid féin a thug sinn duit: 15 Oir is coigrich sinne a’d’ fhianuis agus luchd cuairt, mar ar n-aithrichean uile; mar fhaileus tha ar laithean air thalamh, agus cha ’n ’eil buanas (1) ann. 16 O Thighearn ar Dia, tha ’m pailteas so uile a dh’ulluich sinne a thogail tighe dhuit fa chomhair t’ainm naomha a’ teachd o d’ làimh féin, agus is leat féin e gu léir. 17 Tha fios agam mar an ceudna, mo Dhia, gu’n dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Do m’ thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithe so uile: agus a nis chunnaic mi le h-aoibhneas do shluagh a tha ’n so a làthair a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhuitse. 18 O Thighearna Dhia Abrahaim, Isaaic agus Israeil ar n-aithriche, gléidh so gu bràth ann am breithneachadh smuainte cridhe do shluaigh, agus ulluich an cridhe dhuit féin; 19 Agus thoir do Sholamh mo mhac cridhe iomlan, a ghleidheadh t’àitheanta, do theisteis agus do reachda, agus a dheanamh nan nithe so uile, agus a thogail na lùchairt fa chomhair an d’ulluich mise. 20 Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho’-chruinneachadh uile, A nis beannaichibh an Tighearna bhur Dia. Agus bheannaich an co’-chruinneachadh gu léir an Tighearna Dia an aithriche, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram do’n Tighearn agus do’n righ. 21 Agus dh’ìobair iad ìobairtean do’n Tighearna, agus thug iad seachad ìobairte-loisgte do’n Tighearn air an la màireach an déigh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, le’n tabhartais dibhe, agus ìobairtean am pailteas air son Israeil uile. 22 Agus dh’ith agus dh’òl iad an làthair an Tighearn air an là sin le mòr shubhachas, agus rinn iad Solamh mac Dhaibhidh ’na righ an daradh uair, agus dh’ung iad e do’n Tighearna ’na ard uachdaran, agus Sadoc ’na shagart. 23 Agus shuidh Solamh ann an caithir rìoghail an Tighearna (1) fuireach. [TD 364] I. EACHDRAIDH. CAIB. XXIX. mar righ an àite Dhaibhidh athar, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile ùmhal dha. 24 Agus strìochd na h-uachdarain uile, agus na daoine cumhachdach, agus mar an ceudna uile mhic righ Daibhidh, iad féin do Sholamh an righ. 25 Agus dh’ardaich an Tighearna Solamh gu ro-mhòr an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig righ sam bith roimhe ann an Israel. 26 Mar so rìoghaich Daibhidh mac Iese os cionn Israeil uile. 27 Agus b’i ’n ùine a rioghaich e os cionn Israeil dà fhichead bliadhna: ann an Hebron rìoghaich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìoghaich e tri bliadhna deug thar fhichead. 28 Agus fhuair e bàs ann an deagh shean aois, làn do laithibh, do shaibhreas, agus do urram: agus rìoghaich Solamh a mhac ’na àite. 29 A nis gnìomhara Sholaimh an righ, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar Shamueil an fhir-seallaidh, agus ann an leabhar Natain an fhàidh, agus ann an leabhar Ghad an fhir-seallaidh, 30 Maille r’a rìoghachadh gu léir, agus a chumhachd, agus na h-aimsirean a chaidh thairis air, agus thar Israel, agus thar uile rìoghachda nan dùchanna.