[DA 1] LEANMHUIN CHRIOSD, ANN CEITHEAR LEABHRAICHEAN: SGRIOBHTA ANN LADOIN LE TOMAIS A CEMPIS: AIR UR EIDER-THEANGACHA’ GU GAOILIG ALBANNACH Le R . . . . . M . . . . . . M. A. I. S. CLO-BHUAILTE ANN DUN-AODAIN. MDCCLXXXV. [DA 2] [Blank] [DA 3] ANN ROI-RAITE. LEABHOIR Ghaolaich, cha’n fheudar an Leabhar beag so, (Leanmhuin Chriosd), a mholla’ na’s moa na ’ta se cheana, le beul agus sgriobha’ gach duine foluimte agus crabhach: air dha bhith sgriobhta anns gach Cainte Chriosdui’, agus ann lamh agus gnathach gach gne sluaigh ’san Chriosdachd, araon thaobh Creideamh agus Barrail, a’ta uile, ann aon ghuth agus focul, mar aon duine ag aontacha’ ann am molla’ agus cliu ann Leabhair bhig so; mar ni sonruichte araon chum beasan an deagh Chriosdui’ ionsacha’, tre leabha’ bitheanta is curam dheth, agus fos chum na Beatha shiorrui’ fhaotuin ann deidh laimh, mar thora’ math air a bhuainea’ as; tre deagh Bheatha agus Dicheall crabhach. [DA 4] [Blank] [DA 5-12] CLAR-CHUMAIL. [TD 1] LEANMHUIN CHRIOSD. AN CEUD LEABHAR. AN CEUD CAIBDEAL. Air Leanmhuin Chriosd, agus Di-mheasa’ uile Dhiamhaoineasan an t Saoghail. AN ti a ’ta ’g am’ leantuin se, cha ’n imeich e ann dorchadas: deirse an Tighearna. ’Siad so briathra Chriosd, leis an comhairleichear sinn, ma ’s aill lein do rirea’, bhith air ar soilleireacha’, agus air ar saora’ o gach doille cridhe; gur eigin dhuinn a bheatha, is a bheusan leanachd. Uime sin, se ’r mor ghnothach smuaineacha’ air beatha Iosa Chriosd. Tha teagasg Chriosd toirt barrachd air uile theagasgaibh nan Naomh; agus co sam bith aige ’m bheil an spiorad, gheabh e ann sin am manna foluichte. Ach tha e tachairt, o eisdeachd tric na soisgeoil, nach mothaich moran, ach mian beag chum a leantuin; bhri nach ’eil spiorad Chriosd acca. Ach an ti leis an aill briathran Chriosd thuigsin go iomlan, agus go mothaichte; is eigin dha ionsacha’ a bheatha go iomlan dheanamh coslach r’ a bheatha sa. [TD 2] Ciod am feam dhuit ard chonspoid dheanamh m’ an Trionaid: ma’ se gu mio-thoileich thu an Trionaid o sin, le dioth na irisealachd? Do rirea’ cha ’n e ard bhriathran a ni neach naomh, is ionruichte; ach ’si bheatha chrabhach a ni an duine gaolach do Dhia. Is mor b’ fhearr leam dubhron mhothacha’ ’na chiall-innsea sa thuigsin. Na b’aithne dhuit am Bibeal uile air cridhe, agus raitean uile nan Gliocasoir: ciod an tairbhe bhithea’ san iomlan, gan ghradh agus gras Dea? Diamhaoineas nan diamhaoineasa, agus is diamhaoineas gach ni, bhar air Dia ghradhacha’ agus eisean amhain riarucha’. Se so an gliocas is airde, bhith dluthacha gu rioghachd neamh tre tair an t saoghail. Is diamhaoineas air an abhar sin, beartas neo-bhuan iarra’, agus dochas chuirea’ annta. Is diamhaoineas fos onoirean shantacha’, agus e fein thogail ann ard inmhe. Is diamhaoineas ainmhiana na feola leantuin; agus an ni ud thogara’ fa ’n eigin dhuit an deidh laimh bhith go goirte air do chragha’. Is diamhaoineas saoghal fada shirea’ agus beag curam ghabhail ma dheagh bheatha. Is diamhaoineas bhith smuaineacha’ mhain air am bheatha a ’ta lathair, agus gan solar dheanamh fa-chomhair na beathai re teachd. Is diamhaoineas gradh thoirt do’n ni, a tha dol le mor stead thart: agus gan chabhag dheanamh ionsui’ an aite, anns am mairr an t aoibhneas siorrui’. Cuimhneich go tric air an t sean fhocul ud, nach sasuichear an chluas le eisdeachd, ni moa lionar an t suil le sealla. Uime sin, tarruin do chridhe o ghradh nan nithe faicsineach, agus tionda thu fein chum na nithe do-fhaicsineach. Oir tha luchd-leanmhuin na feolmhorachd ag salacha’ na coguis, is ag calla’ grais Dea. [TD 3] CAIB. II. Air Smuainte Iriseal de fein. IS mian leis gach duine, go nadurail eolas ghabhail: ach ciod an tairbhe a ’ta ann folum gan eagal Dea? Is fearr go cinteach am fear-ducha iriseal, a tha re seirbheas do Dhia, na Gliocasoir uaibhreach a ’ta beachda’ air cursa nan neamh, is ’g a dhearmad fein. An ti d’an aithne e fein go maith, tha e suarach ’n a shealla fein, is cha tlachd leis cliu dhaonna. Ghe gu b’ aithne dhamh gach ni, a ’ta san t saoghal, is nach bithin ann gradh; ciod an cuideacha dhamh e ann lathair Dhea, a bheir breath orm reir mo ghniomhara sa. Cuir uaite mor mhian bhith eolach; bhri gu faithear annsin mor chealg agus seachran inntin. Iadsan a ’ta foluimte, is mian leo bhith air am measa’ agus air an gairmea’ glioc. Tha iomad ni ann, nach ’eil an eolas, ach beag no gan tairbhe idir do’n anam. Agus is mi-chiallach go mor an neach, a chuireas duil ann nitheibh air bith eile, ach sna nitheibh a ’ta feamail chum slainte. Cha sasuich moran fhocuil an t anam, ach ata deagh bheatha toirt fois do’n inntin; agus coguis ghlan ag toirt mor earbsa ann Dia. Mar is moa, agus mar is fearr is aithne dhuit, o sin, is truime bheirear breathanas ort, mar caith thu do bheatha na’s naoimhe. Uime sin na bith air do thogail suas le eolas no folum air bith: ach bithea’ eagal ort na’s luaithe, f ’an eolas thugad dhuit. Ma chithear dhuit, gur aithne dhuit moran, agus gu bheil thu tuigsin go ro mhaith; cuimhneich san am cheudna, gur lionor na sin go mor, na nithe air am bheil thu ain-eolach. Na bith ard-inntineach, ach gu b’fhearr leat d’ ain-eolas [TD 4] aideacha’. C’ uime chuirea’ tu thu fein roi neach sam bith, an uair gheabhar moran na ’s foluimte, agus na’s eolaiche san lagh na thu fein. Ma’s aill leat go feamail eolas agus ionsacha ghlaca’, gradhaich bhith ain-fhiosrach’ agus bhith air do mheasa’ mar neo-ni. ’Se so an teagasg is airde, agus is feamaile air bith, fior eolas agus di-mheasa dhe fein. Is mor an t iomlanachd, agus an gliocas, neach shealtuin air fein mar neo-ni, agus do ghna smuaineacha’ air cach eile go ro mheasail agus go maith. Ma chi thu neach eile go folluiseach ag peaccacha’, no ag deanamh mor ’olc sam bith, cha bu choir dhuit airson sin thu fein mheasa’ na b’fhearr na eisean; bhri nach ’eil fios agad, cia fada dfheudas tu fantuin san staid mhath. Tha sinn uile lag; ach faic, nach seall thu air aon neach, na’s anmhunn na thu fein. CAIB. III. Air Teagasg na Firinn. IS sona an ti a theagaisgeas an fhirinn lea fein, cha ’n ann tre deilbh agus briathran, a ’ta dol thart, ach mar ata i inte fein. Is tric tha ar barrail agus ar ceadfa ’g ar mealla’sa, agus is ro bheag chi iad. Ciod am feam ann mor chonspoid mu nitheibh dorch agus foluichte, m’an nach toirear breath sam bhreathanas oirne, thaobh nach b’aithne dhuinn iad. Gur mor an ghoraich na nithe feamail agus tarbhach dhearmad, agus curam go toileach ghabhail do nitheibh ciuireil is diamhaoin; tha suilean againe, agus ni faic sinn leo. Ciod an gnothach a ’ta againe ri ginealaibh agus gneibh nan Gliocasoir?—An ti ris an labhair am Focal Siorrui’, saorar e o iomad barraileibh. Tha gach ni o aon fhocul, agus tha gach uile labhairt san aon so: agus se so an tus [TD 5] a ’ta labhara’ riunn mar an ceudna. Gan an focul so, cha tuig neach, ni moa bheir e breath go direach. An neach d’am bheil gach ni mar aon, agus tha tarruin gach ni gu aon, agus ann aon ag faicin gach uile ni, feudae’ se go seasmhach ann cridhe, tamh ghabhail ann Dea le sio-chainte. O fhirinn mo Dhia, dean sa mise ’m aon leatsa ann gradh bi-bhuan! Tha sgitheas orm go tric le leabha’, is eisdeachd moran nithe: annadsa tha t iomlan, is aill, agus is mian leam. Duna’ luchd foluim am beul, bithea’ gach duil ’nan tost ann do lathair se: labhair thusa ’mhain rium. Mar is moa tha an duine aontuichte anna fein, agus asteach neo-lochdach, is lionoire go mor, agus is airde na sin, na nithe a thuigeas e, bhri gu fai’ e os ard sollus na tuigsin. Cha chuirear an t anam glan, neo-lochdach, agus neo-atharraichte air seachran le moran ghnothachaibh; do bhri gu deanar gach ni leis, chum onoir Dhea, agus se ag deanamh a dhulan, bhith ann fois aige fein, agus soar o gach fein-shirea’. Co bhacas agus a bhuaireas tu na’s moa na do ghaol neo-chlaoite cridhe. Air tus suidheichi’ an duine math, agus diadhai ’n obair ’n a chridhe, a ’s coir dha dheanamh o leath amuigh. Cha tarruin sin e chum togaran na droch claonaid; ach tiondai’ se iad gu riaghailt an reasain cheirt. Co aige ’m bheil cath na’s cruai’, na neach ni spairn chum buaidhe thoirt air fein: ach ’se so bu choir bhith mar ar gnothach arai’ fein, eadhon buaidhe thoirt oirne fein, agus go lathail spionna fhaotuin ’n ar ’n aghai fein, agus fas do ghna na’s fearr, agus na’s fearr. Tha gach uile iomlanachd anns am bheatha so comaisgte le neo-iomlanachd; agus cha ’n eil ar n’ uile smuaineacha’ saor o dhorchadas eigin. Tha t eolas iriseal [TD 6] dhiot fein ’na slighe gu Dia na’s cinteiche, na sirea’ is doimhine chum folum. Cha n’ eil an t ionsacha re chronacha’, no lom eolas ni sam bith, a ’ta math ann fein, agus orduichte le Dia; ach tha ’n deagh choguis agus am bheatha chrabhach re raoineacha’ roi sin. Ach bhri gur lionor iad, a ni tuillea’ saothair dfhiosracha’ mach’ no ni iad chum deagh chaithea-bheatha, uime sin is tric an seachran, agus cha giulain iad meas air bith, ach beag. O na gabhui’ siad urraid dhicheall fa laimh, chum ciontan spiana’ as am bun, agus subhailcean shuidheacha’ nan aite, mar ni siad chum ceisdean ghluasa’ cha bhithea’ coilion olc, no masla am measg an t sluaigh, no urraid fhuasgala’ sna Manachara. Go cinteach, air teachd do la bhreathanais, cha ’n iarrar oirne, ciod a leabh sinn, ach ciod a rinn sinn; no cia deas labhair sinn; ach cia go diadhai’ agus chaith sinn ar beatha. Innis dhamh, c’aite anois am bheil an luchd-foluim sin uile, agus na maisdeara sin, a b’aithne dhuit an tra bha siad beo, agus sgeamhach ann ionsacha. Nois tha ’m beolaint se aige luchd eile; agus cha ’n aithne dhamh, an smuaineich iad go brach orra. Bha iad rud eigin air am measa ’n an la fein, ach nois ni bheil luaidh idir orra. Och! cia grad tha gloir an t saoghail dol seachad? O! nach freagairea’ am beatha sa do ’m folum sa; ann sin dh ionsaichea’, agus leabha’ iad go maith. Cia lionor iad a ’ta ’g an sgriosa’ fein san t saoghal trid ionsacha diamhaoin, an tra tha iad ag gabhail ro bheag curam do sheirbheas Dea? Agus chion gur annsa leo bhith mor, na bhith iriseal, uime sin caillear iad ’n an smuainteibh fein. ’S eisean tha mor do rirea’ aige ’m bheil mor Ghradh. ’S eisean a ’ta mor go firineach, aige ’m bheil beag suim dhe fein, agus tha sealtuin mar neo-ni air an inmhe-onoir is airde. Tha e do rirea’ crionta a sheallas [TD 7] air gach uile nithe talmhui mar shalachar, chum gu cosain e Criosd. Agus tha e foluimte do rirea’ an ti ni toil Dea, agus a threigeas a thoil fein. CAIB. IV. Air Gliocas ann Deanatais. CHA ’n eil creideas re thoirt do gach focul agus cogair; ach is eigin an chuis leir-bheachda’ no cho-’romacha’ go ro churamach agus aiseach reir Dhea. Ach mo thruaidhe! is tric lein an t olc, na’s luaithe na math, araon chreidsin agus ra’ ma neach eile, mar sin, tha sinn go lag. Ach cha chreid na daoine foirfe go furasda gach uile fear-airisea’, thaobh gur aithne dhoibh gu bheil anmhunnachd dhoanna claointe chum uilc, agus tuitemeach go leoir ann foculaibh. Is mor an gliocas, gan bhith ubbuin ann ar deanatas, agus gan bhith ag seasamh go cean-laidireach ri ar barraileibh arai’ fein. Agus fos cha choir creideas thoirt do bhriathran gach uile gne dhuine, no na nithe a chuala, no a chreid sinn’, an grad shinea’ gu cluasa luchd eile. Gabh comhairle o dhuine glioc agus coguiseach, agus iarr na’s tocha bhith air do theagasga’ le neach is fearr na thu fein, na d’ inleachd fein leantuin. Tha deagh beatha deanamh an duine glioc do reir Dhea, agus deas airson iomad nithe. Mar as moa tha neach sam bith iriseal anna fein, agus umhal do Dhia, is glice e anns gach uile ni, agus is moa an t sio-chainte a bhitheas aige. [TD 8] CAIB. V. Air Leabha’ na Sgrioptuirean Naomh. SI ’n fhirinn is eigin shirea’ sna sgrioptuireibh naomh, is cha’ n e an deas-chainte. Bu choir an sgrioptuir naomh uile bhith air a leabha’ leis an spiorad sin, leis an robh e air a dheanamh. ’S eigin dhuinn ar buanachd shirea’ sna sgrioptuireibh, na ’s tocha na finealtas sheanachais; sea’, bu choir dhuinne leabhraichean crabhach agus neo-lochdach leabha’ cheart go toileach, agus iadsan a ’ta ard agus doimhean. Na cuirea’ udaras an sgriobhair dragh ort, co acca bha e beag no mor ann folum, ach leig le gradh na firinn ghloin do tharruin’ gu leabha’. Na feoruich amach co thuairt so; ach thug fanaire, ciod a ’ta air a ra. Tha na daoine dol thart, ach mairri firinn an Tigheana go siorrui’. Tha Dia labhara’ riunn air iomad doigh gan mheas do dhaoine. Is ro mhinic tha ar gean-fhiosrachd fein ’g ar baca’ ann leabha’ nan sgrioptuir ’nuair is mian lein an ni sin thuigsin agus a gheur-mhineacha’, far bu choir a leigeal seachad go iriseal. Ma ’s aill leat luach-saothairtharruin’ as, leabh go iriseal, go firineach, agus go neo-lochdach; na miannaich go brach ainm foluim bhith agad. Fiosraich amach agus eisd go samhach briathra nan Naomh: na bithea’ du-fhocuil nan daoine o shean mio-thaitneach dhuit; oir cha n’ eil iad air an labhairt gan abhar. [TD 9] CAIB. VI. Air na Togaraibh Neo-cneasta. CIA b’e uair is mian le duine ni air bith mi-mheasarrach, air ball tha se gan fhois anna fein. Cha tamh an t uaibhreach agus am fear-santach am feasd; tha an duine bochd agus an t irisealach ann spiorad ag caithea’ am beatha sa ann sio-chainte ro mhor. An duine nach ’eil do rirea’ claoite no marbh dha fein, buairear e go grad, agus bheirear buaidhe air le nitheibh beag agus faoin. An neach a ’ta lag ann spiorad, agus mar gu b’ e fosd colnach, agus claointe gu nithe mothachail, is gann dha go iomlan e fein tharruin’ o mhianaibh talmhui. Agus uime sin, is tric tha se fo bhron ’n uair tharruineas e e fein asta; agus cuirear go furasda corruich air, ma ’se gu’n racha’ neach sam bith ’na h aghai-se. Ach ma’ se gun do lean se an ni, a mhiannaich e gan mhall, lionar e go trom le cionta na coguis; do bhri gu’n do lean se a dhroch-fhulan fein, noch toir dad cobhair d’a ionsui’ chum na sio-chainte a dh iarr e. ’San le diulta’ ar droch-fhulana, gheabhar fois fhirineach an cridhe, is cha ’n an trid aoma’ dhoibh. Uime sin cha n ’eil fois idir ann cridhe an duine fheolmhor, no ann an duine air a thoirt chum nithe o ’n leath amuigh; ach amhain ’san duine dhurachdach, agus spioradalta. [TD 10] CAIB. VII. Air Teichea’ an Dochais Diamhaoin, agus an Ardain. GUR diamhaoin an neach a chuireas a dhochas ’sna daoineibh, no ’sna creatoireibh. Na gabh nairc luchd eile riarucha’ airson gaol Josa Chriosd, agus bhith air do measa’ mar dhuine bochd san t saoghal so. Na seasamh air do bhon fein, ach suidheich do dochas ann Dia. Dean gach ni a ’ta ann do chomas, agus chuiri’ Dia ri do dheagh thoilse. Na cuir d’ earbsa ann d’ eolas, no ann cleasachd neach a ’ta beo, ach ’n aite sin ann gras Dea, an ti chuideicheas an t irisealach agus dh ilseicheas iadsan a ’ta gabhail barrail mhath dhiu fein. Na dean bosd ann do bheartas, ma tha sin agad, no ann do chairdean, thaobh gu bheil iad cumhachdach; ach ann Dia a ’ta toirt gach uile ni, agus e fein os cion gach uile ni ’s ro aill leis thoirt seachad. Na dean uaill as airde no sgeamh do chuirp, a ’ta air a thruaillea’ agus air a mhi-dhealbha’ leis an easlainte is lugha. Na gabh tlachd dhiot fein, no as do chiall, no as do gheuraid fein, air eagal gu neo-thoileich thu Dia leis an leis gach math a ’ta agad go nadarail. Na seall ort fein na ’s fear na luchd eile sam bith, an t eagal gu measar thu ann lathair Dhea na ’s measa, an ti d’ an aithne ciod a ’ta san duine. Na dean uaill as do dheagh oibreibh; thaobh nach ionnan breathannas Dhea, agus breath nan dhaoine, an ti go tric a ’ta neo-thoileichte leis an ni sin, is taitneach le daoineibh. Ma ’se gu bheil ni sam bith do mhath agad, creid na ’s fearr do luchd eile, chum agus gu gleatha’ tu an t irisealachd. Cha dean e dochan ort, thu shealtuin ort fein na ’s [TD 11] measa na gach aon eile; ach is ro mhor an dochan a ni e ort, thu fein chuirea’ roi neach air bith; tha sio’-chainte bhi-bhuan maille ris an iriseal, ach ann cridhe an ardanaich tha sior chorruich agus fearmad. CAIB. VIII. Air Seachna Chaidearas ro mhor. NA fosgail do chridhe do gach uile duine; ach dean do ghnothach ri duine glioc, agus air am bheil eagal Dea; na bithea’ an oig agus na coimheich agad ach tearc’ na do chuideachd. Cuid ris am bheartach na bith mar fhear-meadail; agus do d’ dheoin na cuir thu fein lathair nam mor-fhear; cum connaltra marrais an iriseal, agus an neo-lochdach, marrais an chrabhach agus an duine dhiadhai, agus lamhaich na nithe, a ’ta chum togail suas na naomhachd. Na bith ro eolach marrai bean air bith, ach earb ann coitchion, gach uile deagh bhean ri Dia. Miannaich amhain bhith eolach air Dia, agus a h Aingeil-se, teich o fhiosrach dhoaine. ’S eigin gradh bhith againe do gach aon, ach ni bheil an caidearas tarbhach; air uairean tachairi’ se, gu foilseich an neach ain-fhiosraichte amach tre deagh ainm; an ti, n’ uair a ta e lathair, tha mi-chiatach do dream a chi e. Air uairean saolai’ sinn luchd eile thoileacha’ o ar coi-cheangala riu; ach is moa thoiseicheas sinn am mio-thoileacha’ sa, o eis-ionracas nam beus, a chi iad annaine. [TD 12] CAIB. IX. Air Umhalachd agus Smachd. IS ro mhor an ni seasamh ann umhalachd, agus bhith beo fo uachdranachd agus gan bhith reir ar chead fein. Is dionaiche go mor furacha’ foi gheillea’, no bhith ann udaras. Is lionor iadsan a’ ta foi gheillea’ le eigean, na tha siad tre gradh Dhea; agus tha an leathaid sin, ann dorain, agus re gearan go furasda; ni cosain iad saorsa inntin, mar cuir iad iad fein fo smachd o’n uile chridhe, airson Dea. Ruith ann so no ’n sin, ni faith thu fois air bith, ach ann smachd iriseal foi riaghailt uachdarain. Mheall soilsin agus atharracha nan aitean moran do dhaoine. Tha e fior, gur aill leis gach duine go toileach, bhith ag saothracha’ reir a mhian fein, agus claonar e leosan na ’s moa, a’ ta smuaineacha’ mar e fein, ach ma ’se gu bheil Dia ’n ar measg sa, ’s eigin dhuinne corr uairean ar seol smuainte fein eadhon fhagail, airson maith na sio-chainte. Co neach a ’ta go geur-glioc, ionas agus gu feud e, eolas iomlan gach ni bhith aige. Uime sin na cuir mor earbsa ann do smuainteibh fein: ach fos bith toileichte air smuaintean luchd eile eisdeachd. Ma’ se gu bheil do smuaineacha math, agus gu fag thu sin airson Dea, agus gu lean thu fear eile; is moa o sin thoileas tu ann lathair Dhea. Oir is tric chuala mi gur tearuinte comhairle eisdeachd agus a gabhail, na sin thoirt seachad. Feudai’ se tachairt fos, gu bith smuaineacha gach neach gle mhath, ach mar geillear do luchd eile, an uair ata reasan, agus abhar ’g a iarra’ is cothar mor na uabhair, agus na doirbheachd e. [TD 13] CAIB. X. Air Seachna anabar Bhriathra. GABH eagal as tuasaid dhaoine, go mor agus tha sin ann do chomas; oir is mor am baca’ bhith ’g airisea’ air nitheibh saoghalta, ghaoite gu ’n labhara’ orra le deagh run: oir is grad shaluichear agus ghlacar sinn le diamhaoineas. B’ aill leam go tric, gu ’m bithin ’na mo thosd, agus nach bithin ann conaltra dhaoine. Ach carson ni sinn bruidhean go toileach, agus chainte ri cheile, o ’n is tearc lein piltin, gu bhith samhach, gan dochan coguis? Ach ghidhea sin, labhara’ sinn go toileach, bhri gu bheil sinn ag iarra’ solas o cheile, tre bhith bruidhean cuid ri cheile, agus gur mian lein, an cridhe air a sgitheacha’ le smuainteibh fa leath, aotromacha’. Agus go ro dheonach labharai’ sinn agus smuaineichi’ sinn air an leathaid sin do nitheibh, air am bheil mor ghradh agus mian againe, no air na nitheibh sin a shaoileas sinn a ’ta ’n ar n aghai-se. Ach mo thruaidhe! is tric tha so diamhaoin agus gan tairbhe air bith. Oir cha bheag am baca’ a ’ta san chofurtach iommallach so, do ’n t solas dhiadhai o ’n leath steach. Uime sin is eigin dhuinne faire agus urnuidh dheanamh, chum nach racha’ ar n aimsir gan tairbhe seachad. Ma tha e feamail agus ceaduichte bruidhean dheanamh, labhair air na nitheibh a ’ta chum togail na diadhachd. ’Se droch cleachda, agus dearmad ar fais spioradalta fein, fath mor, an ro bheag ceangail a ’ta againe air ar beul. Ach is mor an cuideacha chum ar n inntin neamhail, co-ra ma nithe spioradalta dheanamh, go arai’ ’n uair tha luchd an aoin inntin agus an spioraid, air an tionala’ cuid ri cheile ann Dia. [TD 14] CAIB. XI. Air Sirea’ na Sio-chainte, agus Eid na Inntin Spioradalta. ’S Mor an t sio-chainte a dfheuda’ bhith againe, na b’ aill leine bhith gan ghnothach againe ris na nitheibh sin nach buin duinne, no ri briathraibh agus ghniomharaibh luchd eile. Cionnas is urra’ an neach sin seasamh fada ann sio’, a bhuineas ri gnothachaibh luchd eile, agus a shireas abharan o ’n leath amach, a shuidheicheas e fein go beag no go anamaig o ’n leath steach? Is beannaichte na neo-lochdaich, oir sealbhaichi’ iad sio-chainte mhor. C’uime bha cuid do na Naoimh go iomlan agus go beachdach? Do bhri gu ’n d’ ionsaich iad iad fein chlaoithea’ o gach uile mian talmhui, agus le so neartuichear iad le ’n uile chridhe chum dlu-theana’ ri Dia, agus chum an aire thoirt dhoibh fein go fuasgailte. Tha sinn air ar togail go ro mhor le’ r mianaibh arai’ fein, agus fo lan-churam ma nitheibh dio-bhuain. Is annamh lein lan-bhuaidhe thoirt air aon droch cleachda, agus ni lasar sinn suas chum ar leas lathail fein; uime sin, fanai’ sinn fuar agus neo-chrabhach. Na bithemid do rirea’ marbh dhuinn fein agus neo-chuibhraichte ann an cridhe, ann sin dfheudaemid blas ghabhail air nitheibh diadha, agus beagan eolais mhothacha’ air smuaineacha’ neamhail. ’Se ’m baca’ mor agus iomlan, bhri nach ’eil sinn saor o thogaraibh agus ainmhianaibh; nach ’eil sinn ag deanamh ar dicheall chum gluasa’ air sligh coilionta nam Naomh. An uair mar an ceudna thachaireas beagan do ’n do-shoirbheas oirne, go grad leigear sinn sios go mor, agus tiondar sinn chum solas dhaonna. [TD 15] Na deanaemid spairn mar dhaoine laidir gu seasamh san chath: chimid go cinteach, gu cuideichea’ an Tighearna sinn o neamh, oir tha eisean deas chum luchd an chath agus luchd an earbsai ’n a ghrais se, ghrad chuideacha’; an ti tha solara’ dhuinn fathan an chogai’, chum gu tugaemid buaidhe. Ma ’se gu’n suidheich sinn amhain, fas ar creideimh, air aire nan nithe o ’n leath amuigh, go grad thig crioch air ar diadhachd sa. Ach cuiremid an tuagh ris an bhunn, chum air dhuinn bhith air ar glana’ o ar droch runaibh, gu ’n sealbhaich sinn inntin shamhach. Na claoithemid ach aon chiont sam bhliana, dheanuir sinne go luath ’n ar daoine iomlan. Ach anois ’se t atharrach is tric lein mhothacha’; chor agus gu faith sinn amach, gu ’n robh sinn na ’s fearr agus na ’s gloine, ann toiseach ar ’n iompachai’, na tha sinn an deidh ioma bliana d’ ar n aidmheil se. Bu choir d’ ar durachd agus ar ’n astar sa dol ann mead gach uile la; ach anois is mor an ni ri fhaicin, ma ’s urra’ aon neach cuibhrion do ’n cheud theis choimhidea’. Na deanaemid spairn bheag san toiseach, ann sin b’urraemid gach uile ni dheanamh an deidh laimh le socair agus aoibhneas. Tha e trom an sean nos threigsin; ach is truime lein na sin, dol ann aghai ar toil arai’ fein. Ach mar toir thu buaidhe amach air bheag, agus air an aotrom, c’ uine bheir thu buaidhe air na nitheibh a ’ta ro cruaidh. Rach ’n aghai do chlaona sa san toiseach, agus bris an droch chleachda, air eagal gun tarruin e thu chum cruas na’s moa. O na tuga’ tu fanaire, cia mor an t sio-chainte bheirea’ tu ugad fein, agus an gairdeachas do luchd eile, tre do ghiulan math fein; shaoilin gu bithea’ tu na bu deidheal air do phiseach spioradail se. [TD 16] CAIB. XII. Air Feamalachd am Mhio-shoirbheis. ’S Math dhuinn, mio-shoirbheas agus triobloid bhith againe air uairean; bhri gur tric leo an duine ghairmea’ air ais dh ionsui’ chridhe, chum eolas ghabhail gu bheil e ann ionad fogarai’ agus nach cuirea’ e a dhochas ann ni air bith de t saoghal. Is math dhuinn gu fulainemid air uairean an-choineamh, agus gu bithea’ aige daoine barrail olc, no bheag dinn, ghe gu bheil sinn ag deanamh agus runnacha’ go ro mhath. Is minic chuideicheas sin sinn chum irisealachd, agus dhionas iad sinn o ghloir-dhiamhaoin. Oir ’san uair sin ruith sinn na’s fearr gu Dia ar fianuis o leath stigh, ’n uair mheasar sinn o ’n leath amuigh le daoineibh mar bheag ni, agus nach creidear go maith m’ar timchioll sa. Uime sin bu choir do duine e fein dhaingeacha’ ann an Dia air an doigh sin; chum agus nach bithea’ feam aige, ann uair air bith, air cofurtach dhaonna shirea’. An uair a ’ta duine do dheagh thoil, fo thriobloid no air a bhuairea’ no air a chragha’ le smuainteibh olc; ann sin tuigi’ se, cia mor am feam a ’ta aige air Dia, ’n uair chi se nach urruin e ni air bith do mhath dheanamh gan e, ’san uair sin, tha se fo bhron, ag asnacha’ agus ag guidhea’ airson nan truaidhean a ’ta se fulana’. Ann sin tha e sgioth le bhith beo na’s faide, is mian leis am bas theachd, chum gu feudae se bhith air a thuasgala’ agus bhith maille ri Chriosd. Ann sin is leir dha go maith, nach ’eil dion iomlan, agus lan shio-chainte ri fhaotuin san t saoghal. [TD 17] CAIB. XIII. Air Seasamh ann aghai Bhuairean. CO fad agus tha sinn beo san t saoghal, cha ’n urruin sinn bhith ann, gan triobloid agus gan bhuairea’, O sin tha e sgriobhta ann Job, gur cath beatha an duine air thalamh. Uime sin bu choir do gach duine, bhith curamach m’a bhuaireibh se, agus faire dheanamh ann urnuidheibh; air eagal gu’m faithea’ an Diabhol co-’rom chum eisean mhealla’, an neach nach caideil choiche, ach tha dol mancuairt ag iarra’ co dfheudas e mhillea’. Cha n ’eil neach sam bith co-naomh, no co-iomlan, aige nach ’eil buairean air uairean, agus cha ’n urra’ dhuinn bhith saor dhiu go lear. Tha buairean go tric ro fheamail do’n duine, ghe gu bheil iad trom agus draghail; do bhri annta sa ilseichear an duine, agus glanar, agus ionsaichear e. Chuaith nan Naoimh uile troi ioma cragh, agus buairea, agus bhuannaich iad leo. Agus iadsan nach b’urra’ buairean ghiulana’, dfhaileig iad, agus rinnead malluichte iad. Cha ’n bheil ordugh air bith co-naomh, no aite co-dionach, far nach bheil buairean agus do-shoirbheasa. Cha ’n ’eil duine tearuinte go iomlan o bhuaireibh, am fad agus is beo e; bhri gu bheil an tobar annaine fein, o bheil sinn air ar buairea’; air dhuinn bhith breithte san ainmhian. Air dhol do aon bhuairea’ no triobloid thaireis, tha aon eile ag teachd air sin, agus do ghna, tha ni eigin againe chum foighidin; bhri gu ’n chaill sinn math ar ceud sonais. Tha moran ag iarra’ teichea’ o bhuaireibh, agus ata siad ag tuiteam annta na’s truime. Cha ’n urra’ sinn tre teichea’ amhain, buaidhe thoirt amach; ach tre foighidin agus irisealachd fhireanach nitear sinn na’s treis ’n ar naimhdean uile. [TD 18] An ti a chlaonas uapa o leath amuigh amhain, agus nach spian am freamh o ’n bhun, is beag an cosain a ni e; sea’, is luaidhe a thig na buairean uige, agus gheabh e e fein ann an doigh na’s measa. Uigh air ’n uigh agus tre foighidin, le fad-fhulanas, maille re comhna Dhea, bheir thu buaidhe na’s fearr, na le do bhorbas agus do dhurachdas arai’ fein. Go tric gabh comhairle ann am buairea, agus na buin go cruai’ risean a ’ta air a bhuairea’: ach thoir furtach dha, mar b’aill leat gu ’n tuguir dhuit fein e. ’Se toiseach nam buairea’ olc, mi-sheasmhachd an anaim, agus beag earbs ann Dia. Do bhri, mar ata long gan sdiura, air a gluasa’ o so, gu sin, amhuil sin tha ’n duine mairnealach, a threigeas a run suidheichte, air a bhuairea’ air ioma doigh. Dearbhai’ an teine an t iarrun, agus buairea’ an duine ionruichte. Is tric nach aithne dhuinn, ciod is urra’ dhuinne dheanamh; ach feuchai ’m buairea’ ciod an stugh a ’ta annaine. Ghidhea is eigin dhuinn faire dheanamh, go arai’, an toiseach am bhuairei’; do bhri gur faraisde buaidhe thoirt air an namhaid, mar leigear dha teachd as-teach air dorsa an anaim; ach gu cumar, agus gun diultar e go grad aig an cheud buala; o sin dubhairt duine eigin; cuir ann aghai ’n toiseich, oir is anmoch dheasuichear na dei’-leigheasa. Air tus tha lom smuainte teachd chum na inntin, an dei’ sin, smuainte a ’ta laidir, fa-dheoi toileachas-inntin, agus mothach olc agus ciontach. Agus le so, gheabh an namhaid aingidheach, uigh air ’n uigh, dorsa fosgailte, ’n uair nach bacar ’san toiseach e. Agus am mead agus gu bheil neach dearmadach ann dol ’n a aghai, is moa go mor dfhasas e lag anna fein, agus dfhasas an namhaid na’s laidire ’na aghai se do ghna. [TD 19] Tha cuid dhaoine ag fuluna’ buairean na’s truime ann toiseach an iompaich se, agus cuid eile ’g am fulana’ aig an chrioch. Agus tha cuid uile ann, a ’ta mar gu b’e, fo mhor dheachuin re ’m beatha iomlan sa. Tha corr dhaoine air am buairea’ go ro-aotrom, do reir gliocais agus ceartais, an naoimh orduigh, a ’ta tomhasa’ toilteneas agus sdaid dhaoine, agus ag roi-shuidheacha’ gach ni, chum sabhalas a mhuintir thaoite fein ne. Air an abhar sin, ni ’m bu choir dhuinn earbsa challa’, ’n uair bhuairear sinn; ach Dia ghuidhea leis an tuille duradachd, chum gu’n deonaichea’ e sinn chuideacha’ ’n ar triobloid; an ti gan amharas, reir briathra Naoimh Phoil, a ni maille ris a bhuairea’ slighe dol as mar an ceudna, chum gu ’m bithea’ sinn comasach air a ghiulana’. Ilseichemid sinn fein, uime sin, fo laimh Dhea anns gach uile buairea’ agus deachuin; do bhri gu’n saor agus gu’n ardaich e an dream irisealach ann spiorad. Ann buaireibh agus ann triobloideibh feachadar an duine, ciod an t astar a rinn e, agus ’san annta tha toilteneas is moa ag seasamh, agus tha t subhailce ’g a taisbeana’ fein na’s fearr. Cha ro mhor an ni, neach bhith araon crabhach agus durachdach ’n uair nach mothaich e triobloid air bith; ach ma ghiulanas e e fein go foighidineach ann am do-shoirbheis, bithi’ ann sin, earbsa an dol air adhairt mhoir. Tha cuid air an gleatha’ o bhuaireibh mor, air an tugar buaidhe go tric le buaireibh beag laitheil; chum, air dhoibh bhith air an irisealacha’, nach bith earbsa go brach acca dhiu fein ann mor nitheibh, a ’ta go ro lag, anns an ro bheag. [TD 20] CAIB. XIV. Air Seachna’ Breath Ubbuin. Tionda do shuilean ort fein, agus faic, nach toir thu breath air deanatas luchd eile. Ann am toirt breath air luchd eile, tha ’n duine re saothracha’ go diamhaoin, go tric ag dol am mearrach, agus ag peaccacha’ go furasda; ach saothraichi’ neach do ghna le buannachd, le bhith ’g a ransucha’ agus ’g a bhreathnacha’ fein. Mar ata sinn ag gabhail an ni gu cridhe, amhuil sin, is tric lein breath thoirt: oir cailli’ sinn go furasda am breathanas direach, airson speis uaigneach. Na ’m b’ e Dia do ghna, run glan ar togair se, cha bhithemid fo bhron go furasda, airson dol ann aghai’ ar barrail se. Ach is tric tha ni eigin folaichte o ’n leath stigh, no a cho-chuireas ris o ’n taobh amuigh, a tha ’g ar tarruinea’ sa fos leis. Tha moran go folaichte ’g an sirrea’ fein ann ’sna nitheibh a ’ta siad ag deanamh, agus ni bheil fios acca air. Chithear iad mar an ceudna ag seasamh ann an deagh shio-chainte, ’n uair ata gach ni deanta mar is aill leo, agus reir am beachd sa; ma thachaireas e, air doigh nach mian leo, air ball gluasar, agus tuiti’ iad fo dhubhron. Is tric dh eireas aim-reitean eadar chairdean agus luchd-baile, agus eadar am mhuintir dhiadai’ agus chrabhach, thaobh dealacha’ fa leath an smuaintean agus am barrailean sa. ’San le mor spairn tha ’n sean chleachda air a threigea’, agus cha ’n eil neach air bith go deonach air a tharruinea’ na ’s faide na chi e, no na ’s toigh leis. Ma dh earbas tu tuille ri do reasan agus do shurtalachd fein, na ris an t shubhailce a chuireas tu fo smachd do Josa [TD 21] Chriosd, is gann, agus is tearc bhitheas tu ’na do dhuine air do shoilleireacha’ go brach: do bhri gur aill le Dia, sinn bhith go iomlan fo gheillea dha fein, agus dol thar gach uile reasan tre gradh lasta. CAIB. XV. Air Oibreibh Deanta o Ghradh. CHA ’n eigin dhuinn olc dheanamh aig uair sam bith, airson aon ni san t saoghal, no airson speis duine air bith; ach ghidea’ airson buannachd an fheamaich, feudar air uairean an deagh ghniomh fhagail go deonach, no na ’s tocha, eisean atharracha’ gu ni na ’s fearr. Oir, air dha so bhith deanta, cha mhillear an deagh obair, ach tiondar i ’mhain chum ghniomh na ’s fearr. As-eagmhais graidh, ni bheil tairbhe sam bith ’san obair o ’n leath amuigh; ach ciod air bith nitear o ghradh, cia beag no suarach gu ’m bith e, tha t iomlan deanta le tora’. Tha Dia do rirea’ ag amharca’ na ’s moa air an ghradh, agus an togar mhor, leis am bheil neach ag deanamh an ghniomh, no ni e air mead na obair a ’ta neach ag deanamh. Tha e deanamh moran, an ti a bheir gradh mor. Tha e deanamh moran, an ti a ’ta deanamh an ni go ro mhaith. Is math ata e deanamh, an ti shaothraicheas an tuille airson am mhaith chummaint, na airson a thoil fein. Is tric mheasar an ni sin mar ghradh, a ’ta na ’s tocha feolmhorachd; bhri gur tearc le ’r claona nadarail, ar toil arai’ fein, earbs diolai’ agus togar ar socair fein bhith air falbh. An ti aige ’m bheil am fior-ghradh iomlan, cha ’n iarr e e fein ann ni sam bith; ach amhain is mian leis [TD 22] gloir Dhea anns gach uile ni. Ni ’m bheil fearmad aige ri neach, thaobh nach toigh leis gairdeachas uaigneach air bith, agus ni ’n aill leis gairdeachas dheanamh anna fein; ach is mian leis oscion gach uile ni, bhith air a dheanamh sona ann Dia. Cha chuir e ni air bith do mhath as-leath aon neach, ach bheir e t iomlan do Dhia, o bheil gach ni teachd, mar o ’n tobar, anns am bheil nan Naoimh uile go solasach ag gabhail fois, mar ’n an crioch dheireanach sa. Och! na bithea’ aon srad aige neach d’on fhior-ghradh, go deimhin chithea’ e, gu ’m bheil gach ni talmhui lan diamhoaineis. CAIB. XVI. Air Fulana’ Crona Luchd eile. IS coir do neach an ni sin fhulana’ le foighidin, noch urra’ e leasacha’ anna fein, no ’n luchd eile; gus an orduich Dia e air doigh eile. Smuaineich gur ann mar so, theagamh, is fearr an gnothach, chum do dheachuin, agus d’ fhoighidin se, gan sin, is beag is fiu ar toilteneasa. Bu choir dhuit, ghidhea’ sin, fo leathaidin bhacaibh, urnuidh go dicheallach dheanamh ri Dia, chum gu deonaichea’ eisean do chomhna’ chum gu ’m feuda’ tu an giulana’ go maith. Ma ’se ’s nach aontuich neach, air dha bhith air a chomhairleacha’ uair no dha, na dean conspoid ris; ach earb an t iomlan ri Dia, chum gu ’n deantar a thoil se, agus gu ’n tugar onoir dha ’na mhuintir se uile; an ti d’ an aithne go maith, an t olc thionda’ gu math. Ionsaich go foighidineach, cron, agus anmhunnachd luchd eile, do gach gne ghiulana’; bhri gu bheil moran agad fein, [TD 23] is eigin bhith air an giulana’ le luchd eile. Mar urra’ dhuit thu fein dheanamh mar neach, mar a b’ aill leat bhith; cia-mar is urra’ dhuit neach eile bhith agad reir do mhian fein. Is maith lein luchd eile go toileach, bhith iomlainte, agus ghidea’, ni ’n leasaich sinn ar dubhailcean arai’ fein. Is aill lein, luchd eile bhith go tean air an ceansacha’ agus ni’n aill lein sinn fein, bhith air ar smachdacha’. Is fuath lein fuasgal’ farsuin luchd eile, agus ghidhea, ni ’n diult sinn aon ni duinn fein a dh iarras sinn. Is aill lein gu ’m bithea’ luchd eile, air an ceangla’ suas leis gach uile lagh, agus cha ’n fhulain sinn’ dhuinn fein, air doigh air bith, bhith air ar ceansacha’. Mar so, tha e soilleir; cia tearc an uair thomhaiseas sinn, ar coimhearsnaich ’san aon cho-’rom riunn fein. Na bithea’ gach aon neach iomlainte, ciod annsin bhithea’ againe re fhulana’ o luchd eile, airson Dea. Ach anois dh orduich Dia gnothach mar sin, chum gu’n ionsaichemid eullachan an cheile ghiulana’. Do bhri nach ’eil duine gan chron, nach ’eil duine gan eullach, nach ’eil duine leoir-fhoghainteach dhe fein, nach ’eil duine air bith leoir-ghlioc air a shon fein, ach is eigin dhuinn a cheile ghiulana’, solas thoirt d’ a cheile, comhna dheanamh ri cheile, teagasg agus comhairle thoirt d’ a cheile. Ach mar is airde subhailce neach sam bith, is moa ata i air a taisbeana’ tre fathan na do-shoirbheis. Cha’ n’ eil aman na deachuin ag deanamh an duine lag idir; ach ata iad ag feachuin ciod an gne duine ata ann. [TD 24] CAIB. XVII. Air am Bheatha Mhanacharach. IS eigin dhuit ionsacha’ thu fein bhrisea’ ann an iomad ni, ma ’s aill leat coi-reite agus sio’ chumail maille ri luchd eile. Cha bheag an ni comhnui’ ghabhail ann manacharaibh, no ann coi-thional, agus annsin bhith re seanachas gan lochd, agus buanacha’ ann go dileas gun uige am bas. Is beannaichte an ti a chaith a bheatha sin go ro mhaith, agus a chriochnaich i go sona. Ma ’s aill leat seasamh, mar is coir dhuit, agus triall mor dheanamh, seall ort fein mar choigreach fogairte air an talamh. Is eigin dhuit bhith toileichte, bhith mar amadan airson Chriosd, ma ’s aill leat beatha dhiadhai chaithea.’ Is beag cho-chuireas an eide, no’ m beara-cin ris an duine; ach tha caochla bheusa agus claoithea’ iomlan nan droch-fhulana ag deanamh an duine do rirea’ diadhai. An ti a dh iarras ni air bith eile, ach amhain Dia, agus slainte anaim fein, ni faith e dad, ach bron agus triobloid, ni mo, is urra’ dha seasamh fada ann sio-chainte, noch ’eil ag deanamh dicheall bhith iriseal, agus fo smachd do gach uile. Thanaig thu ’n uige so, chum friathala’ dheanamh, agus cha’n an chum bhith ag sdiura’: bithea’ fios agad, gu’n ghairmear thu chum saothracha’ agus fulana’, cha ’n an gu bhith diamhaoin agus bruidhneach. Ann so, uime sin dearbhar na daoine mar an t or san athuin theine; an so, cha ’n urra ’duine air bith seasamh, mar bith e toileach o chridhe iomlan e fein irisealacha’. [TD 25] CAIB. XVIII. Air Eiseamlair nan Athracha Naomha. GABH beachd math air beo-eiseamlaireibh nan Athracha naomh, annsan robh fior chreideamh agus iomlanachd ag dealra’ amach, agus chi thu cia beag e, agus gur mor nach neo-ni, a’ ta sinn ag deanamh. Mo thruaidhe, ciod i ar beatha sa, na samhlaichear i re ’m beatha sa. Rinn na Naoimh agus Cairdean Chriosd seirbheas do ’n Tighearna, ann ocras agus tart, ann fuachd agus lom-nochd, ann saothair agus sgiothas, ann faireibh agus ann trosgaibh, ann urnuidheibh agus smuinteibh naomh, ann gear-leanmhuineibh agus ann maslaibh’ lionor. O cia trom agus lionor na triobloidean a dfhulain na Apstoil, na Martairean, na Aideachairean, na Oighean, agus an chuid eile uile, d’ am b’aill lorg Chriosd leantuin! Oir bha fuath acca d’ an anamaibh fein san t saoghal so, chum gu sealbheichea’ iad am bheatha shiorrui’. Och cia tean agus cia claoite bheatha a chaith na Athracha naomh ’san fhasach! Cia trom, agus fada na buairean a dfhulain iad! Cia tric chuir an namhaid dragh orra! Cia lion, agus cia durachdach na urnuidhean chuir iad suas ri Dea! Cia cruaidhe na seachnan tre ’n deachai’ siad troimhe! Cia mor an t eud, agus an teas, chum an astar spioradalta a bh’ acca! Cia laidir an cath bh’ acca chum buaidhe thoirt air an olc! Cia direach agus glan an run a chum iad ri Dia! Shaothraich iad feadh an la, agus re na oicheibh thug iad iad fein chum urnuidh fhad, ghe gu robh iad aig obair, cha do dhiobair iad idir an urnuidh inntineach. [TD 26] Chaith iad an uile am go feamail; bu ghaoraid leo gach uile uair, a bha caite maille ri Dia. Agus tre milseachd mhor an smuainte dhiadhai’, thugad thaireis leo fos gu dio-chuimhne feam am bheidh lathail; threig iad gach inmhe bheartach, gach onoir, gach caraid, agus gach uile luchd-daimh airson Dhea: cha robh mian ni do ’n t saoghal acca, is gann bha nithe feamil na beathai acca, sea’ bu bhronach leo an corp riarucha’ ’na eigin. Uime sin bha iad bochd ann nitheibh saoghalta, ach ro bheartach ann gras agus subhailceibh; bha dioth orra o ’n leath-amuigh, ach bha iad steach lan do ghras agus do sholas diadhai.’ Bha iad ’nan coigreich do ’n t saoghal; ach bha iad ’n an crairdean caidereach, agus fogus do Dhia: chunnaigear dhoibh fein, iad fein bhith mar neo-ni, agus bha iad fo thair aige an t saoghal so; ach ann suileibh Dhea, bha iad measail agus gradhach. Sheasamh iad ann fior-irisealachd, chaith iad am beatha sa, ann umhalachd neo-lochdach, dh imeich iad ann gradh, agus foighidin; agus uime sin dfhas iad ann spiorad gach la, agus fhuair iad mor ghras an lathair Dhea. Bha iad air an toirt mar eiseamlair airson gach neach diadhai’; agus bu choir dhoibh sinne phrosnacha’ moran na bu mhoa, chum deagh astar dheanamh, na bheirea’ aireamh nan fhuar-chrabhach oirne chum ar deanamh rag. O cia mor teas nan uile luchd-dhiadhai’ ann toiseach an orduchai’ naoimh se! O cia mor an crabhachd sa ann urnuidh! Cia mor am folum a bha ann cleachda’ nam measg sa! Cia mor an t urram, agus an t umhalachd a bha re fhaicin anns gach aon fo riaghailt an uachdarain! Tha an lorga sa air am fagail gus an la diu, ag toirt fianuis, gu ’m bu dhaoine iomlainte, agus naomh do rirea’ iad; an dream a bha re coga’ go foghainteach, a shaltair an saoghal fo ’n cosan sa. Anois measar go mor an ti, nach ’eil [TD 27] ’n a chiontoir, agus an neach a dfheudas an ni a ghabh e air laimh a ghiulana’, le foighidin. Och, air meo-bhlathas agus air lundaireachd ar sdaid se, gu claonaemid go grad o ar ceud teas, agus tha eadhon sgioth nois le bhith beo tre leisge agus leath bhlathas! Gu ’n tuga ’Dia, nach ’eil cintin nan subhailce ’nan cadal annad sa a chunnaig go tric eiseamlairean lionor nan daoine crabhach. CAIB. XIX. Air Cleachdaibh an Deagh Neach Dhiadhai’. BU choir do bheatha an duine mhaith dhiadhai’ bhith ainmeal, anns gach uile subhailce, chum agus gu bith e steach reir mar chithear e o’n taobh-mach le daoine; agus go firineach bu choir dha moran do thuille bhith aige o ’n taobh-steach, na na chithear aige o leath-amuigh; chion gur e Dia, an ti tha’ g ar faicin se, an ti d’ an coir dhuinn urram mor thoirt, cia-air bith ball sam bith sinn, agus bhith ag gluasa’ go glan mar na Aingeil na lathair se. Bu choir dhuinne gach uile la, ar run ath-nuathacha’, agus sinn fein phrosnacha’ chum durachdachd, mar gu b’ e an ceud la, air an tanaig sinn chum iompacha’, agus le sin a ra’, cuideich leam o Thighearna Dhia ann mo run suidhiechte, agus ann do-sheirbheas naomh, agus thoir gras dhamh nois, air an la diu, toiseacha’ go iomlan; do bhri nach ’eil ach neo-ni ’sna rinn mi gu so. Reir mar ata ar run, amhuil sin bhitheas triall air ’n astair, agus is mor an dicheall tha feamail do’n neach, a ’s aill astar math dheanamh, ach ma dfhailigeas e go tric, an ti a chuireas roimhe go laidir: ciod a thig airsean, do’n ’gann, no do’n annamaig dad air bith seasmhach a [TD 28] chuirea’ roimhe? Ach tha treigsin ar ruin se ag tachairt air ioma doigh agus seol: agus is gann tha dearmad aotrom nan cleachada dol thart gan chall eigin. Tha run nam fireanach ann ceangal ri gras Dea, na ’s tocha na ri ’n gliocas arai’ fein, anns am bheil iad ag cuirea’ an dochas do ghna, ciod air bith ghabhas iad fo laimh. Oir se ’n duine chuireas riomhe, ach se Dia a dh orduicheas; ni bheil slighe an duine ’n a lamh fein. Ma ’san thaobh abhair gaoil, no deoin buannachd brathrail, a threigear air uairean an cleachda gnathaichte, feudar an dei’ laimh teachd d’a ionsui’ na ’s furaisde. Ach ma dfhagar go aotrom e, tre leisge, agus neo-dheanatas, ni bheil e na ciont beag, agus mothaichear go goirt e. Deanaemid ar dicheall go mor agus is urra’ sinn; bithi’ sinn fhasda ealamh air tuiteam ann am moran. Ach fos is eigin dhuinne do ghna ni cinteach eigin chuirea’ romhain, agus sin, do rirea’ ’n aghai an ni sin is moa a’ g ar baca’ sa. Is eigin dhuinn araon sinn fein cheasnacha’ agus orducha’ da chuid on leath-steach agus o ’n leath-amuigh, chion gu bheil an da chuid ag dul-thrialla’ gu ’r fas spioradalta. Mar urruin thu do ghna, thu fein chuimhneacha’ dean e air corr uairean, eadhon air madain agus aig feasgar anns chuid is lugha: ’sam mhadain cuir romhad, agus aig an oiche ransuich do dheanatasan, cia-mar chaith thu an la diu, ann obair, ann briathra, agus ann smuainte, bhri, gur teagamh, gu’n do pheaccaich thu go minic ann aghai’ Dhea, agus do choimhearsnaich, anns na nitheibh sin. Deasaich thu fein mar dhuine, ann aghai’ ionsuidhean an Diabhoil. Cuir srian air geogoireachd, agus cuiri’ tu srian na’s furaisde air uile dhroch-chlaona na feola. Na bith go brach go iomlan diamhaoin; ach an dara cuid, bith re leabha’, no re sgriobha’ no re urnuidh, no re lear-smuaineacha’, no [TD 29] ag deanamh ni eigin sam bheil feam chum am math coitchion. Ghidhea’ is eigin do na cleachdaibh corporra bith air an deanamh go ciallach, ni ’m bheil iad re ghabhail fo laimh mar aon leis gach neach. Na nithe sin noch ’eil gnathaichte, cha’n eigin am feuchuin o’n leath-amuigh; oir, tha corr nithe ann a ’ta deanta na’s dionaiche am follach. Ach is eigin dhuit an aire thoirt, nach bith thu mall, chum na cleachdan gnathaichte, agus dian ionsui’ do dheanatasa arai’ fein choiliona’; ach air dhuit gach ni dheanamh go iomlan, fireanach a bha mar fhiacha ort, agus ceangailte ruit; ma tha uine air bith thuille agad, thoir thu fein duit fein, reir mar is mian leat do chrabhachd. Cha ’n urra’ gach uile neach, an t aon cheachda bhith acca, ach tha so na’s iomchuidhe do ’n neach so, agus sud do ’n neach ud eile. Sea’ reir coi-fhreagar nan am, tha na deanatasa fa leath na’s taitneiche; chion gu bheil cuid na’s blasta, air laan feille, cuid eile air laan cumanta. Tha feam againe air aon ghne ann am buairei’, agus air gne eile ann am sio’ agus fois. Is math lein smuaineacha’ air cuid go deonach ’n uair ata sinn fo mhulad, agus air cuid eile ’n uair ata sinn aoibhneach ’san Tighearna. Ma thimoheall nam feille sonruichte, is eigin dhuinn ar deagh chleachdan ath-urracha’, agus urnuidhean nan Naomh ghuidhea’ go ro dhurachdach. Bu choir dhuinne deagh run chuirea’ romhain o fheille gu feille, mar gu bithemid an sin, gu’r triall dheanamh as an t saoghal, agus gu tighin dh ionsui’ na cuirm shiorrui’. Air an abhar sin is choir dhuinne sinn fein dheasacha’ go curamach, ma aimsir na crabhaichd, agus conaltra dheanamh na’s diadhai’, agus na orduichean uile choimhead na’s tinne, amhuil mar gu’m bithemid an uine ghaorraid, gu duais ar saothair se fhaotuin o Dhia. [TD 30] Agus ma chuirear dail ann, creidemid, nach ’eil sinn deas go maith, agus nach fhiach sinn fos an gloir mor sin a dfhoilseichir annaine se aig an am shuidheichte. Deanaemid ar n uile dhicheall sinn fein dh uimeacha’ na’s fearr chum ar triall as so. Is beannaichte an seirbheasach sin (deirse an Soisgeulach Naomh Lucais) a gheabh an Tighearna ’n uair thig e, ag deanamh mar sin. Go fireanach deirem ruibh gu’n cuir se e ’n a uachdaran os-cion na bheil aige. CAIB. XX. Air Speis an Uaighneis agus an Tosd. BITH ag iarra’ am iomchui’ chum dol air-ais ’ugad fein, agus smuaineich go tric air sochaireibh Dhea. Leig dhiot gean-fhiosrach. Leabh thaireis ’sna leathaidean sin do nitheibh a bheir thusa na’s moa chum aithreachas, na chum ceaird no lamhsachd. Ma tharruineas tu thu fein o mhoran bhruidhean, agus gach uile celi diamhaoin, agus fos o chluas thoirt chum sgeoil, agus airisean, gheabh thu am na’s leoir agus iomchui’, chum thu fein thoirt gu smuaintean math. Sheachain na Naoimh a b’airde, cuideachd nan daoine, go fad agus b’urruin iad, agus raoineich iad Dia riarucha’ ann uaigneas. Dubhairt neach arai’; go minic agus bha mi ameasg dhaoine, phill mi air m’ais na mo dhuine na bu lugha. Is tric tha fios againe air so, ’n uair do ni sinn conaltra fada. Tha e moran na’s aotruime bhith tosd go iomlan, na gu’n dol thaireis ann briathran. Tha e na’s fhuraisde fanachd go uaigneach aig baile, na bhith comasach bhith go leoir air do fhaicill amach. Uime sin co air bith an neach, a chuireas roimhe teachd ionsui’ na nithe spiorad- [TD 31] alta o’n taobh-steach, is choir dha cuid ri Iosa, e fein thionda’ amach air leath o’n bhuidhean. Cha ’n ’eil duine air bith ann dion le dol amach, ach an ti d’am b’aill fanachd go deonach a-stigh ann uaigneas. Cha labhair duine air bith go tearuinte, ach an neach leis am mian go toileach bhith samhach. Cha sdiur duine air bith go sabhailte, ach eisean d’am b’aill le toil a bheatha chaithea’ fo smachd. Cha ’n orduich duine air bith go dionach, ach an ti a dh ionsaich go maith bhith umhal. Cha dean duine air bith gairdeachas go sabhailte, mar bith barrantas na deagh choguis steach aige. Ghidhea’ bha dionachd nan Naomh do ghna lan do eagal Dea. Ni robh iad na bu lugha caram agus irisealachd, chion gu robh iad ag dealra’ amach le mor shubhailceibh agus le gras. Ach ata tearmun nan daoi ’g eirea’ o uabhar agus an-danatas, agus anns an chrioch tiondai’ se ’n am mealla fein. Na geall dhuit fein go brach tearmun sam bheath so, ghaoite gu faicear leat, thu fein bhith ’na do dhuine math diadhai’ agus na d’ aonranach crabhach. Is minic bha iadsan ann an tuille gabha, tre reasun am mor earbsa; a bha na b’fearr reir meas dhaoine. Ionnas agus, gu bheil e na’s fearr ’do mhoran, gan bhith go baileach saor o bhuaireibh, ach ann aite sin, gu’m faithea’ iad cath go tric uatha; chum agus nach bithea’ iad tuille is tearuinte, air eagal, theagamh, gu’n togar le uabhar suas iad. Sea’, air eagal, gu gabh iad cead dol gu taobh chum solas an o ’n leath-amuigh. O cia math an choguis a ghleatha’ an duine sin, nach iarra’ dol go brach air deidh an aoibhneis dhiamhoin, no nach cuirea’ dragh air fein mu’n t saoghal! O cia mor an t sio’ agus an fhois bhithea’ aige an ti, a ghearra’ air falbh gach uile curam diamhaoin; agus an ti amhain leigea’ a smuain- [TD 32] tean air na nitheibh a buineas do Dhia, agus a shlainte fein, agus chuirea’ uile dhochas ann an Dia! Cha n’ eil neach fiuntach air an t solas neamhail, mar d’ oibreich e e fein go durachdach ann co-tholla-cridhe naomh; ma ’s aill leat bhith bronach ann cridhe, rach steach gu do sheomair, agus druid amach tuasaid an t saoghail, mar ata e sgriobhta, ’n ar seomaireibh bitheibh tuirseach; ach gheabh thu an do bhothan, an ni a chailleas tu amach. Fasai’ do bhothan blasta, ma dfhanas tu ann, ach mar gabh tha tamh ann, fasai’ e neo-aotrom agus mio-bhlasta. Ma ’se gu ’n aiteich thu e, agus gu coimhid thu e go maith ann toiseachd d’ iompachai’ se; bithi’ e dhuit fa-dheirea’ na charaid gaolach, agus na sholas ro thaitneach. Ann fois agus ann sio-chainte fasai’ an t anam crabhach, agus ionsaichi’ se diamhara an sgrioptuir; gheabh e ann sin tobar nan deur, chum gu fas e na ’s caidereiche ri Chruthadair se, mar is moa theicheas e o thuasaid an t saoghail. Oir tarruini’ Dia maille ri Aingeil naomh sa, tean air an ti a tharruineas e fein o chairdeibh agus a luchd-eolais. Is fearr tamh ghabhail ann follach, agus curam ghabhail de fein, na miorbhuille dheanamh, agus bhith dearmadach ma thimcheall fein. Is mor am meus do dhuine diadhai’ gan dhol amach, ach air uairean, agus teichea’ o bhith air fhaicin, agus eadhon gu ’n mhiannacha’ bhith air fhaicin le daoine. Carson is mian leat an ni sin fhaicin, noch feud bhith agad. Siubhalai’ an saoghal seachad, agus ain-mhian sa. Tarruini’ miana na feolmhorachd amach thu, ach air do’n uair dol seachad, ciod tha thu toirt tachai’ ach eullach coguis agus sgaoilea’ cridhe? Tha ’n dol amach aoibhneach, go minic ag toirt steach tachai’ bronach: agus tha ’m feasgar cridheolach ag deanamh madain [TD 33] mhulladach: amhuil sin tha gach aoibbhneas feolmhor ag teachd steach, ach anns an chrioch bheir e ’m bas, agus gearra-coguis. Ciod is urra’ dhuit fhaicin an aite eile, nach faic thu ann so. Feuch Neamh agus ’Talamh agus na ceud abhara, no na Eleamaintean, oir dhiu sa tha na uile nithe deanta. Ciod is urra’ dhuit fhaicin ann aite air bith eile, is urra’ faotuin fad fo ’n ghrein? Theagamh, gu creid thu, gu ’n sasuichear thu, ach cha rig thu air. Ghe gu ’m faicea’ tu gach uile ’na do lathair se, ciod bhithea’ ann, ach sealla diamhaoin. Tog suas do shuilean gu Dia ’san ard, agus guidh airson do pheacaibh, agus do dhearmadaibh. Fag nithe faoin chum sluagh faoin; ach cuimhneich thusa air na nitheibh a dh aithne Dia dhuit. Dun do dhorsa ort fein, agus gairm ’ugad Iosa do ghaolach. Fan maille ris ann do bhothan, oir cha ’n fhaith thu fois go mor ann aite air bith eile. Mar racha’ tu amach, agus mar eisdea’ tu re toirmean beoil; dfhana’ tu ann sio-chainte na b’ fhearr; ach o ’n tha nuaicheachdan air uairean taitneach dhuit; is eigin dhuit o sin buairea’ cridhe fhulana.’ CAIB. XXI. Air Tuirse an Chridhe. MA ’s aill leat triall air bith dheanamh, cum thu fein ann eagal Dea, agus na bith tuille is fuasgailte; ach coimhead do cheadfa sa uile fo riaghailt, agus na toir thu fein thaireis gu sugra gorach. Thoir thu fein chum tuirse-cridhe, agus tachairi’ tu ri crabhachd; tha tuirse-cridhe ag fosgala’ an t slighe gu moran maith, a’ ta fuasgal gnathaichte ag challa’ go grad. Is iongantach e, gu ’m b’ urra’ duine air bith, bhith aoibh- [TD 34] neach o chridhe go brach sam bheatha so, a smuaineicheas agus a cho-’romaicheas a fhogar fein, agus cunnardan lionor a anaim fein. Thaobh aotromas an chridhe, agus dio-chuimhne ar ’n easbuidhean fein, cha mhothaich sinn bron ar ’n anaim se: ach is tric ni sinn gair go diamhaoin, ’n uair tha abhar guill againe. Uime sin ni bheil fuasgal fior, no aoibhneas math ann, ach ann eagal Dea, maille ri deagh choguis. Is sona an ti a ’s urra’ uile bhaca an t seacharain-inntin thiligea’ air falbh, agus dh ath-thionaileas e fein chum bir-bhroin cridhe. Is sona an ti a chuireas uaidhe fein, gach uile ni a dfheudas a choguis fein shalacha’, no eullach chuir uirre. Cuir cath go fearoil, buaidheichear an gnathach tre gnathach. Ma ’s aithne dhuit cead leigeal do dhaoine; leigi’ siad dhuit an ni sin dheanamh, a’ ’ta agad re dheanamh. Na dean dragh dhuit fein do chuiseibh luchd eile, agus na cuir thu fein sasa’ le gnothachaibh nan uaisle; Bithea’ suil agad do ghna ort fein’ san cheud toiseach; agus thoir comhairle go sonruichte ort fein, mar raoghain air gach caraid is dilse. Mar’eil gean-math nan daoine agad, na gabh bron as so; ach bithea’ so trom dhuit, nach ’eil thu’ g a d’ ghiulana’ fein go maith, agus go faicilleach, mar bu choir do sheirbheasach Dea, agus do dhuine diadhai’ crabhach a bheatha sa chaithea’. Tha e na ’s feamaile go tric, agus fos na ’s tearuinte; nach bithea’ mor sholasa aige an duine ’sam bheatha so, go arai’ reir na feola. Ach ghe nach ’eil solasan diadhai’ againe, no gur tearc tha sinn ’g am mothacha’ sa; se sinne fein a ’ta ’san choire: bhri nach eil sinn ag tiligea’ uaine go leir, gach toileachas-inntin dhiamhaoin agus iomallach. Aideich thu fein bhith mio-thoilteneach air cho-fhurtachd dhiadhai’ ach na’s tocha fiuntach air moran triob- [TD 35] loid. ’N uair ata tuirse-cridhe do rirea’ aige an duine, ann sin, tha ’n saoghal go lear trom agus searbh dha. Tha’ n deagh dhuine ag faotuin na ’s leoir abhair broin, agus caoithei’. Oir co acca sheallas e air fein, no smuaineicheas e air a coimhearsnach, is aithne dha, nach ’eil neach beo ann so gan triobloid; agus an uair sheallas se air fein le suil na ’s tinne, is moa go mor ni e bron. ’Siad abhara an fhior-bhroin, agus an tuirse-cridhe o ’n taobh-steach, ar peacan agus ar ciontan fein ’sam bheil sinn ’nar laithea’ ceangailte air achd, agus gur tearc is urra’ sinn smuaineacha’ air nitheibh neamhail. Na smuaineichea’ tu na bu tric air do bhas, na air beatha fhad, gan teagamh, leasaichea’ tu thu fein na bu durachdaiche. Fos na sealla’ tu o do chridhe do rirea’ air piantan Ifrion no Phurgatoir re thighin, creideam, gu ’n giulana’ tu go toileach araon gach pian agus saothair, agus ni gabha’ tu dad eagail o ghne cruais air bith. Ach do bhri, agus nach ’eil na nithe sin ag druidhea’ air an chridhe, agus gur toigh lein fos na nithe a ni meadal riunn, uime sin tha sinn fanachd fuar, agus ro leasg. Is minic gur e dio-spioraid a ’ta toirt air an chorp thrua’ gearan dheanamh go furasda. Guidh air an Tighearna, uime sin go iriseal, gu ’n tuga’ se dhuit spiorad an tuirse-chride; agus abair maille ris an Fhaidhe: Beathaich mi, O Thighearna! le aran nan deur, agus thoir dhamh deoch nan deur ann tomhas. CAIB. XXII. Air Smuainteacha Truaidhe an Duine. C’AITE air bith’ sam bheil thu, tha thu trua’, agus cia bith taobh air an tionda’ thu, mar tionda’ thu [TD 36] thu fein ionsui’ Dhea. Carson tha thu fo thriobloid; chion nach ’eil e ’g eireagh leat reir do mhian agus do thoil se? Co neach aige ’m bheil gach ni reir a thoil se? Ni bheil sin agam sa, no agad sa, no aige aon duine air thalamh. Cha ’n eil neach ’san t saoghal gan triobloid no gan amharr eigin, ghe gu ’m bu Riogh, no ’m Papa e. Co neach is fearr a ’ta air a shocair? Gan teagamh idir, an neach ata deonach ni eigin fhulana’ airson Dea. Tha moran do dhaoine lag agus broite ag ra’, feuch! cia sona am bheatha ’ta aige an duine sin; cia beartach, cia mor, cia cumhachdach agus cia inmheach ata se. Amharaic air na mathaibh neamhail, agus chi thu, nach ’eil ’sna nitheibh aimsireal sin uile, ach amhain neo-ni, ach ro mhi-chinteach, agus na ’s tocha, nan leath-trom goirt; do bhri nach sealbhaichear am feasd iad, gan mhor eagail, agus ro churam. Cha ’n e sonas an duine, pailteas mhor nithe talmhui bhith aige: ach is leoir dha cuimse mheasarra. Do rirea’ is bochduin bhith beo air thalamh. Mar is moa thogaireas duine bhith spioradalta, is moa dfhasas am bheatha so lathair na ’s searbh dha, bhri gur lear dha na ’s fearr, agus gu bheil e faicin na ’s soilleir easbhui’ na truailleachd dhoanna. Oir is mor an truaidhe agus an cragh do rirea’ do dhuine crabhach, a ’ta toileach air bhith fuasgailte agus saor o gach peaca; bhith re ichea’ re ola’, re fairea’ re cadala’ re tamh, re saothracha’ agus bhith fo gheillea’ do uireasbhui’ uile an naduir. Oir tha ’n duine o leath-stigh air a antromacha’ go mor ’san t saoghal so le ’uireasbhui’ an chuirp. Uime sin tha ’m Faidhe go crabhach ag guidhea’ bhith air a shaora’ asta, ag radh; Teasruig mi, O Thighearna as m’ eiginneibh se. Ach anaoibhin dhoibhse d ’an nach aithne am bochduin fein, agus an tuille anaoibhin [TD 37] dhoibh se, aige ’m bheil gradh do’n bhochduin so, agus do’n bheatha thruailli’ so. Oir tha cuid shluagh ann, aige ’m bheil speis d’i go mor (ghaoite nach ’eil, ach go gann uireasbhui’ na beathai acca tre saothracha’ agus sirea’ na deirc) na feuda’ iad bhith beo so do ghna, nach ghabha’ iad suim air bith ma rioghachd Dea. O mhuintir aimideach agus ana-chreideach ann cridhe a’ ta ’n ar laidhea’ go iosal, air ar siolaga’ go doimhean ann nitheibh talmhui’, ionnas agus bhith gan blas agaibh air ni sam bith, ach air nitheibh na feola. Och na truadhana bochd! aig an chrioch mothaichi’ siad fos go goirt, cia suarach agus neo-nitheach bha ni sin, d’an tug iad speis go mor gus an uair so. Ach cha do sheall Naoimh Dhea, agus uile chairdean crabhach Chriosd air na nitheibh bu toil leis an fheoil, na na bha blathor ’sam bheatha so; ach bha an uile earbs agus an run ag direa’ chum nithe math na siorruidheachd. Bha’n togar go leir ag eireagh suas chum na nithe do-fhaicsineach agus mairreanach; air eagal le speis nan nithe so-leirsin, gu’n tarruinear iad gus na nitheibh iosal. Na caill earbs, bhrathair, dol air d’ adhairt ionsui’ na nithe spioradalta, oir fosd tha t am agus an uair agad. Carson is aill leat o la gu la ’dail chuirea’ ann do run sa? Eireich, agus air ball toiseich, agus abair: ’se so nois an t am bhith re deanamh, an t am bhith re coga’, se so nois an t am iomchui’ leasacha’ mo bheatha sa. ’N uair ata thu go olc, agus fo chragh, se sin an t am chum toiltin. Is eigin dhuit dol troimhe teine agus uisge, ma’s tig thu ionsui’ fois. Mar dean thu foirneart ort fein, cha toir thu buaidhe air an olc. Go fad agus ghiulanas sinn mancuairt lein an corp anmhunn so, cha’n urra’ sinn bhith gan pheaca, no bhith beo gan bhron agus mio-shocair. Go toileach b’aill lein fois bhith againe o gach [TD 38] uile truaidhe; ach bhri gu ’n chaill sinn an neo-chiontas tre peaca; chaill sinn mar ceudna ar fior-shonas. Uime sin is eigin dhuinne foighidin ghlaca’ agus featha’ ri trocair Dea, gus an teid an t easontas seachad, agus gus an sluigear am basmhorachd so suas le beatha. Och, cia uabhasach ata anmhunnachd nan daoine a ’ta do ghna go dian chum olc! An diu ata thu ’g aideacha’ do pheacan sa, agus am marach tha thu cuirea’ ann geill iadsan a dh aideich thu cheana; nois tha thu cuirea’ romhad an aire thoirt ort fein, agus air an uair, ann deidh sin deanai’ tu, mar nach cuirea’ tu run air bith romhad. Is mor an t abhar a ’ta againe, uime sin, sinn fein irisealacha’ agus gan mhor shuim ghabhail dinn fein go brach, chion gu bheil sinn go anmhunn, agus go neo-shuidheichte. Is grad dfheudas an ni sin bhith cailte le neo-churam, an ni bu ghann fhuairear tre gras, le mor shaothair, agus aimsir. ’San chrioch, ciod thig oirn se a’ta fasa’ fuar go ro luath? Anaoibhin dhuinne, ma ’san mar sin bu mhian lein tamh ghabhail duinne fein; mar gu b’ e sin sioth agus dion ar cor sa cheana, ’n uair nach ’eil lorg idir na fior-naomhachd re fhaicin ’n ar giulan sa gu’n uige so. Bhithea’ e fhasda ro fheamail, gu’n bithemid aris air ar teagasga’ thaireis, chum deagh bheusan, amhuil mar ur-luchd maith ealain; ghaoite gu’m bithea’ ann, duil eigin an leasuich re thighin, agus an tuille astair spioradalta. CAIB. XXIII. Air Smuaintean am Bhais. IS gear an uine gus an eigin dhuit tar amach as bheatha so; faic uime sin, ciod e doigh air bheil do ghnothach; air an la diu, tha ’n duine ann so, agus am marach thugar [TD 39] as an t sealla e. Ach an uair bheirear as an t sealla’ e, tha e mar an ceudna go grad amach as an inntin. Och air cruas agus air antromachd cridhe an duine, a ’ta sealtin amhain air na nitheibh a ’ta lathair, agus nach seall air na nitheibh re theachd! Amhuil mar sin, bu choir dhuit anns gach gniomh agus smuainte, thu fein shuidheacha’ ceart mar gu faithea’ tu bas air an la diu. Na bithea’ deagh choguis agad, cha ghabha’ tu mor eagal as am bhas. Is mor is fearr’ dhuit teichea’ o pheaca, na bhith gabhail eagail as am bhas. Ach an diu cha ’n ’eil thu deas air a shon, agus cia-mar bhitheas tu am marach ann? Is neo-chinteach an la marach; agus cionnas tha fios agad, gu’m bith an la am marach agad am feasd? Ciod am feam ata ann bhith fada beo, an uair ata sinn ’g ar leasacha’ fein go ro bheag agus ag trialla’ go lag. Och! cha ’n ’eil saoghal fada ’g ar deanamh do ghna na’s fearr, ach san is tric leis ar coire dheanamh na’s moa. Gu’n tuga Dia dhuinne, gu’n do chaith sinn ar beatha go maith san t saoghal so eadhon car aon la. Is lionor iad a chuntas ’n airde bliannan an iompachai’ se; ach is ro mhinic tha tora’ an leasachai’ beathai ro bheag. Ma ’se gur eagalach an ni bas fhaotuin, theagamh gu ’m bith e na’s cunnardaiche go mor bhith fada beo. Is beannaichte an ti aige ’m bheil uair a bhais se do ghna ann lathair a shuilean sa, agus a dheasaicheas e fein gach la chum bas fhaotuin. Ma chunnaig thu, air uair air bith duine faotuin am bhais, smuaineich, gur eigin dhuit fein cuideach dol troimh an t slighe cheudna. Aig teachd na madain, saoil agad fein, nach tig thu ionsui’ beul na oiche. Air teachd do’n oiche, na gabh ort fein an ath-mhadain ghealtuin dhuit fein. Bith uime sin do ghna deas, agus caith do bheatha sa ann achd go maith, ionnas agus nach glac am bas thu go brach [TD 40] mi-dheasaichte. Is lionor iadsan a ’ta basacha’ go ubbuin agus gan aire air bith. Oir thig Mac an duine air an uair, air nach saoilear e. Ach an tra thig an uair dheireanach sin, toiseichi’ tu air smuaintean ’eile bhith agad, ma do bheatha go lear chuaidh seachad; agus bithi’ bron goirt ort, bhri gu’n robh thu go mairnealach agus go dearmadach ort fein. Cia sona agus cia glioc an ti a ’ta deanamh a dhu-lan e fein ghiulana’ sam bheatha, mar is mian leis bhith air a fhaotuin sam bhas. Oir is mor an t earbs bheir e do’n duine, chum bas fhaotuin go sona, ma ’se gu ’m bheil tair iomlan aige se do’n t saoghal, agus togar durachdach chum fasa’ ann subhailceibh, gradh an deagh ealain, spiorad am pheanais, grad-umhalachd, fein dhiulta agus foighidin ann giulana’ suas gach amharr agus crois air sga Chriosd. Feudui’ tu iomad ni math dheanamh, am feadh is tha thu go maith; ach an uair ata thu go tinn, ni ’n aithne dhamh ciod is urruin thu dheanamh. Is tearc iad a ’ta fasa’ na’s fearr’ o thinneas; amhuil mar an dream tha dol go tric air siubhal, is tearc dfhasas iad naomh. Na cuir do dhochas ann do chairdean agus do luchd-gaoil, ni mo na cuir dail an slainte a t anaim, gu am ’eile an deidh so, do bhri gu’n dio-chuimhneich daoine thu moran na’s luaidhe, na tha thu saoilsin. Is mor is fearr, deasacha dheanamh nois ’san am, agus ni math eigin chuirea’ romhad; na sin earbsa’ ri cuideacha luchd eile ann deidh do bais. Mar ’eil thu nois curamach ma do thimcheall fein, co bhitheas curamach ma do thimcheall ’san am re thighin? Tha’ t am a ’ta lathair ro luach-mhor; siad so nois laan na slainte; se so nois an t am taitneach. Ach mo thruaidhe! nach ’eil thu ’g a chaithea’ na’s tarbhaiche dhuit fein, anns am feuda’ tu mor chosain [TD 41] dheanamh, air an tigea’ tu beo go siorrui’? Ach thig an aimsir ort, ’n uair bu mhian leat aon la, no uair bhith agad, chum leasacha’ beathai, agus ni ’n aithne dhamh, am faith thu d’ urnuidh. O ghaolaich ionmhuin, cia mor an cunnard o’m feud thu thu fein theasruigin, cia mor an t eagal o’m feud thu thu fein shaora’; ma bhitheas tu nois do ghna fo eagal, agus ag beachda’ air am bhas! Anois dean do dhicheall, do bheatha sa chaithea’ air leathaid do achd, chum ann uair do bhais, gu ’m feud thu na’s tocha gairdeachas dheanamh, na eagal ghabhail. Ionsaich anois basacha’ do ’n t saoghal, chum ann sin gu ’n toiseich thu air bhith beo maille ri Criosd. Ionsaich anois tair dheanamh air gach ni, chum ann sin, gu’m feud thu go saor dol dh ionsui’ Chriosd. Smachduich do chorp anois tre peanas, chum agus gu’m feud thu ann sin, earbs cinteach bhith agad. O amadain! carson ata thu saoilsin air bhith fada beo, ’n uair nach ’eil aon la cinteach agad? Cia lionor iadsan a bha air am mealla’, agus air an spiana’ amach as an chorp, gan dúil air bith air sin thachairt? Cia minic chuala thu o’n luchd-airisea, gu’n thuit an neach so leis an chlaimheamh, gu ’n bhathar an neach sin eile; neach eile ag tuiteam o’n ard, gu ’n do bhris se amhach, gu ’n do bhasaich an duine so aig ichea’, gu ’n chuir an neach so eile, crioch air a laan sa aig cluitheich? Bhasaich cuid le teine, cuid le iarrun, cuid le plaigh, agus cuid eile le creachadaireibh. Amhuil sin, se ’m bas crioch gach uile, agus tha beatha nan daoine dol thart go grad mar sgaile. Co neach a chuimhneicheas ort ann deidh do bhais? Agus co neach a ghuidheas air do shon sa? Dean anois dean anois, ghaolaich ionmhuin! ciod air bith a ’s urra’ [TD 42] dhuit dheanamh; do bhri, nach aithne dhuit, cia ’n uair air am faith thu bas; cha ’n ’eil fios agad mar an ceudna, ciod a thachaireas ort ann deidh bais. Am fad agus ata aimsir agad, cruinneich dhuit fein re cheile beartasa do-bhasmhor, air nach tig crioch. Na smuaineich air dad air bith, ach amhain air do shlainte shiorrui’. Gabh curam amhain do na nitheibh a bhuineas do Dhia. Dean cairdean dhuit fein anois, tre bhith ag toirt urram do Naoimh Dhea, agus tre leantuin an ghniomharasa, chum an uair dfhailigeas tu ’sam bheatha so, gu glac iad thu chum am palluinean siorrui’ se. Seall ort fein mar fhear-turais, agus mar choigreich air thalamh, d’ a nach buin ni do gnothachaibh an t saoghail. Cum an cridhe saor, agus togailte suas ri Dia; bhri nach ’eil cathair mhairreanach agad ann so bhos. Sdiur ’uige sin d’ urnuidhean, agus d’ osna lathail, maille ri deuraibh, chum agus gu’n toill do spiorad ann deidh bais, dol seachad go sona’ dh ionsui’ an Thighearna. Amen. CAIB. XXIV. Air Breathanas agus Piantan nam Peaca. SEALL air an chrioch anns gach uile ni, agus cionnas sheasas tu lathair am Bhreathaimh thean, d’ a nach ’eil ni foluichte; an ti nach ciuinear le duais ’na claoin-bhreath, no ghabhas leisgeoil; ach bheir e breath air an ni tha ceart. O pheacoir thruaidhe agus mhi-chiallaich! ciod am freagar bheir thu do Dhia, d’ an aithe d’ uile ghniomhara olc; thusa tha air uairean ag gabhail eagail as gnuis an duine fheargaich. Carson nach ’eil thu cuirea’ ann airde dhuit fein fa-chothair la bhreathanais, ’n uair nach urra’ aon neach, le duine air bith eile, a leisgeul [TD 43] ghabhail, no bhith air a dhiona’; ach bithi’ an leoir eullaich aige gach aon neach, freagar thoirt air a shon fein. Anois tha do shaothair tarbhach, do ghull taitneach, d’ osan so-eisdeach, do bhron leoir-shasach, agus feudai’ iad do pheacan ghlana’ as. Is mor agus is fallain an t ionad glanai’ a ’ta aige an duine fhoighidineach, a ’ta gabhail eacoirean, a ’ta na’s mulladaiche airson mio-run an dream eile, na tha se thaobh an chronn a rinnead air fein: An ti a ’ta guidhea’ airson a namhaidean, agus ag matha’ dhoibh an ciontan o uile chridhe: An neach nach cuir dail ann mathanas iarra’ air luchd eile; an ti d’an usa trocair dheanamh, na bhith ann corruich: a ni go minic foirneart air fein, chum an fheoil thoirt fo smachd iomlan an spioraid. Is fearr go mor, na peacan anois ghlana’ as, agus baca chuirea’ air an ’n olc, na iadsan ghleatha’ re ’n glana’ as, ann deidh laimh. Go fireanach tha sinn ’g ar mealla’ fein tre ghradh mhi-reasantach a ’ta againe do’ n fheoil. Ciod an conna eile bhitheas aige ’n teine ud, ach do pheacan sa? Mar is moa chaonnas tu thu fein nois, agus leanas tu ’n fheoil; is truime dfhulaineas tu deidh laimh, agus an tuille stugh a ghleathas tu fa-chothair an teine sin. Anns na nitheibh ’sna pheaccaich an duine na’s moa, anntasan pianar eisean na’s truime. Ann sin bithi’ an dream leasg air am birea’ troi le dealgaibh teineach; agus na geogoirean air an ceusa’ le tart agus goirt. Ann sin bithi’ luchd an ain-mhian agus luchd-gaoil an toileachais-inntin air an coducha’ thaireis le tearr lasta, agus pronnasc droch-bhola, agus amhuil mar choin chuthaich, agus luchd-farmaid, tre cragh ni siad donnalaich. Cha bhith olc air bith, noch faith an dhoruin iomchui’ se. Ann sin lionar luchd na uabhair leis gach uile naire, [TD 44] agus teannaichear luchd na sainnt leis am bhochduin is truaidhe. Ann sin bithi’ aon uair na’s geire ann pian, na ciad bliana ann so caite ’sam pheanas is truime air bith. Ann sin cha ’n ’eil fois air bith, no cofurtachd air bith do’n luchd-damnaichte. Ach ann so air uairean, sgurar o shaothair, agus gheabh sinn cofurtachd eigin o ar cairdean. Bith nois curamach, agus bronach airson do pheacan sa; chum aig la bhreathanais, gu’m bith thu tearuinte maille ris an t sluagh bheannaichte. Oir aig an la sin, seasamhai’ na fireanaich ann mor earbs ann aghai ’na muintir sin a chragh, agus dh antromaich iad. Ann sin seasamhai’ eisean re bhreathnacha’ sa, a ’ta nois go iriseal ’g a cuirea’ fein fo bhreath dhaoine. Ann sin bithi’ mor dhochas aige am bhochd, agus an irisealach, agus glacai’ eagal an t uaibhreach air gach taobh. Ann sin chithear, gu’n robh e glioc anns an t saoghal, a dh ionsaich air sga Chriosd, bhith mar amadan, agus fo thair. Ann sin bithi’ gach amharr air a fhulana’ go foighidineach, taitneach, agus dunai’ gach easontas am bheul. Ann sin ni gach ti chrabhach gairdeachas, agus bithi’ gach ti neo-chrabhach fo dhu-bhron. Ann sin leamai’ an fheoil air a cragha’ le tuille aoibhneas, na gu do bhithea’ si air a altromacha’ do ghna leis gach ni blasta. Ann sin dealrai ’n trascan suarach, agus chithear an t aodach finealta fo dhubhrai. Ann sin mollar na’s moa am bothan bochd, na gach tigh-riogha or-bhuailte. Ann sin is moa chuideicheas buan-fhoighidin, na uile chumhachd an t saoghail. Ann sin is moa go mor dh ardaichirear umhalachd neo-lochdach, na uile chealg an t saoghail. Ann sin bithi’ ’n deagh choguis ghlan na abhar chairdeachais na’s moa, na eolas nadarail sam bith. Ann sin co-’romaichi’ tair nam beartas, tuille na iomhas [TD 45] luchd-aiteach na talmhuin uile. Ann sin bithi’ tu tuille air do chofurtucha’, chion gu’n ghuidh thu go crabhach, na thaireis air am bhiadh bu bhlasta a gabh thu. Ann sin bithi’ tuille lua’-ghair ort, chion gu’n chum thu thu fein tosdach, na chion gu ’n d’ rinnear leat mor dheas-chainte agus bruidhean fhada. Ann sin, is moa bhitheas luach nan obair naomh, na moran bhriathran breagh. Ann sin bithi’ bheatha thean, agus am peanas cruai’, na’s taitneiche, na gach uile tlachd talmhui. Teagaisg thu fein dfhulana’ ann beagan, chum ann sin gu bithea’ tu air do shaora’ o fhulan na’s truime go mor. Feuch ris ann so, air tus, ciod is urra’ dhuit dheanamh ann deidh so. Mar urra’ dhuit anois an ro bheag dfhulana’ cia-mar bhitheas tu comasach air piantan siorrui’ fhulana’? Ma ’se gu’n dean ardan beag thu nois go ro mhio-fhoighidineach; ciod ni teine Ifrion ann deidh so! feuch do rirea’, nach feud thu da aoibhneas bhith agad; bhith ann aoibhneas ’san t saoghal so, agus rioghacha’ maille ri Criosd ann deidh sin. Ma ’se, gu ’n do chaith thu do bheatha do ghna, gus an la diu, ann anoireibh agus toileachas-inntin; ciod am feam dheanui’ an t iomlan dhuit, na faithea’ tu bas air ball. Bhar air gradh thoirt do Dhia, agus seirbheas amhain dheanamh dha; is diamhaoineas gach uile ni. An ti aige ’m bheil gradh do Dhia o uile chridhe; cha ’n ’eil eagal bais, no pein, no breathanais, no Ifrion air se; do bhri gu bheil an gradh coilionta toirt dha dol-asteach tearuinte gu Dia. Ach an neach aige ’m bheil tlachd fosd do’n pheaca, cha ’n ionna’idir, eagal bais agus breathanais bhith air. Ach ma ’se, agus nach do ghairm an gradh fosd thu air-ais o olc; anns an chuid is lugha, is math ni, ma bhacas eagal Ifrion thu o lochd. Ach an neach go deimhin a chuireas eagal Dea air chul, ni ’n [TD 46] urra’ dha seasamh fada ’sam mhath, ach tuiti’ se go grad ann lubaibh an diabhoil. CAIB. XXV. Air Leasacha Durachdach arn Uile Bheatha sa. BITH mosgalach agus dicheallach an seirbheas Dea, agus smuaineich agad fein go tric: c’uime thannaig thu ’n uige so, agus carson dfhag thu saoghal? Nach ann, chum bhith beo do Dhia, agus chum fasa’ ’na do dhuine spioradalta? Uime sin, bith durachdach ann do dhol air adhairt spioradalta sa; do bhri gu ’n glac thu ann gaorraid, duais t uile shaothair se: ann sin cha bhith n’is mo, ann do chriochaibh, tuille do eagal, no bron. Is beag shaothraicheas tu nois, agus gheabh thu fois mhor, eadhon aoibhneas bi-bhuan. Ma dfhanas tu fireanach agus durachdach ann deanamh, bithi’ Dia gan amharas fireanach agus pailte ann tabhairt na duais. Bu choir dhuit earbs math agus daingean chumail agad, chum teachd ionsui’ an chrun; ach cha choir dhuit lan-dion ghabhail, air eagal gu’ m fas thu lundach, agus ard-inntineach. An uair bha neach arrai’ fo amharr inntin, go tric air a thon-ghluasa’, eadar eagal agus dochas; agus air uair shonruichte, air dha bhith air a liona’ le trom-mhullad, thilig se e fein sios gu blar, lathair altair eigin ’san Eaglais; chnuasaich e na nithe so anna fein, ag ra’: Och na b’ aithne dhamh, gu ’m buan-sheasmhuin fosd! Air ball chuala se am freagar diadhai’ ann taobh-tigh dhe fein; ciod na b’ aithne dhuit so, ciod b’ aill leat dheanamh? Dean anois an ni b’ aill leat dheanamh ann sin, agus bithi ’tu lan-tearuinte. Air ball, air dha bhith cofurtuichte, agus neartuichte, liubhairt se e fein do’n toil dhiadhai’, agus sguir a thon-ghluasga iomaguineach sa. [TD 47] Cha b’ aill leis o’n am sin suas meanbh-ransucha’ dheanamh, chum eolas ghabhail, ciod bha gu tachairt dha ann deidh laimh; ach shuidheich e inntin air ransucha’ ’mach, ciod b’i toil mhath thaitneach, agus iomlan Dea, chum toiseacha’ agus coiliona’ gach uile deagh obair mhath. Cuir dochas anns an Tighearna, agus dean am math, (deirse am Faidhe) agus aiteich an talamh, agus beathaichir thu ’n a bheartasaibh se. Tha aon ni ann a ’ta cumail moran air an ais, o ’n dol air adhairt spioradalta sa, agus leasacha’ math am beathai se; eadhon oilt an ard-chruadail, no’n t saothair is eigin ghabhail fa laimh ’san chath. Go deimhin is mor chinneas iadsan ’sna subhailceibh, seach luchd eile, a tha re ’n dicheall go fearoil chum buaidhe thoirt air na nitheibh sin, a ’ta na ’s an-tromaiche dhoibh, agus ’n an aghai’ se. Oir ann sin, fasai’ ’n duine na ’s moa, agus toilli’ se ’n tuille gras, far am bheil e toirt buaidhe air fein, agus ’g a gheur-mharmha’ fein ann spiorad. Ach cha ’n ’eil an samhal ceudna, re mharmha’, agus re buaidhe thoirt air aige gach aon neach. Ach ghidhea’, bithi’ ’m fear eudmhor dicheallach, na ’s comasaiche air a thriall dheanamh mach; ghe gu bheil ioma droch-fhalana aige re thoirt fo smachd; ’n an neach umhal ud eile, ach ata se na’s neo-dhurachdaich chum cosain nan sabhailce. Tha da ni sonruichte ag deanamh cuideacha gu leasacha’ mor na beathai’; eadhon e fein tharruin go neartmhor o’n ni sin, gu ’m bheil an nadur go olc air a chlaona’ uige: agus saothair go durachdach dheanamh airson a mhaith, a ’ta dhioth an tuille air neach. Foluim mar an ceudna teichea’ go curamach, agus buaidhe thoirt air na coirean sin, a ’ta mio-thaitneach dhuit go minic ann luchd eile. [TD 48] Anns gach aite iompaich gach ni chum do shochair spioradalta: agus ma chi, no mo cluineas tu deagh eiseamlair, bith amhuil air do losga’ gu leantuin. Ach ma bheir tha fanaire ni air bith, toilteneach air cronnacha, thug an aire, nach dean thu fein an ni ceudna; no ma rinn thu e, air uair air bith, go grad gabh curam gu leasacha’: ceart mar tha do shuil ag geur-bheachda’ luchd-eile, amhuil sin fos ata thusa air do chotharacha’ leosan eile. O cia blasta agus sona, na brathairean durachdach, agus crabhach sin re fhaicin, is iad go riaghailte agus deagh ealaineichte! Cia mulladach, agus craghach an dream sin re fhaicin, a ’ta go mi-riaghailteach ag imeachd, agus nach ’eil deanamh na nithe, gus na ghairmear iad! Cia dochanach e, run saidheichte a ghairm fein leigeal gu blar, agus a inntin chlaona’ chum na nithe nach d’ earba’ ris-sean. Cuimhneich air an run a ghabh thu, agus cuir ann do lathair se iomhaigh an Chrain-cheusai. Feudae’ tu go maith naire ghabhail; ma sheallas tu air beatha Iosa Chriosd; chion nach do dh ionsaich thu fosd, thu fein dheanamh na bu choslaiche ris-sean; ghe gu’n robh thu nois fad ann slighe Dhea. An duine diadhai’ a chleachdas e fein go crabhach agus do rirea,’ ann am beatha, agus fulanas ar Tighearna sa; gheabh e ann sin go pailte, gach uile ni feamail agus tarbhach dha; ni mo fheumas e ni air bith, na ’s fearr iarra’ taobh-amuigh do Iosa. O na tigea’ Iosa air a cheusa’ steach ’n ar cridhe se, cia grad, agus cia foghainteach bhithemid air ar ’n ionsacha’! Tha ’n duine durachdach diadhai’ ag giulana’ agus ag gabhail go maith, gach uile ni air orducha’ dha. Ach tha triobloid air muin triobloid aige an duine dhiadhai’ dhearmadach, agus fhuar-chrabhach, agus ata se fulana’ [TD 49] amharr o gach taobh; do bhri nach ’eil cofurtachd asteach aige, agus bhacar dha, sin iarra’ a leath-amuigh. Tha ’n duine diadhai’, a ’ta caithea’ a bheatha mach o riaghailt, sgaoilte do sgriosa oilteal. An ti, a dh iarras bhith na ’s fuasgailte, agus na ’s mairnealaiche, bithi’ se do ghna ann amharraibh; chion gu ’m fag an dara aon, no ’n aon eile mio-thoileichte e do ghna. Cia-mar tha go lion luchd-diadhai’ eile ag deanamh, a ’ta caithea’ am beatha sa fo ealain mhanacharach chruai’? Is tearc theid iad amach, go aonranach tha siad ag caithea’ am beatha sa; tha ’m biadh sa ro bochd, agus an aodach ro gharbh, tha siad re saothracha’ mor, agus re beag bruidhean; is fad am faire se, agus is moch dh eireas iad; re urnuidhean fada, re leabha’ go minic, agus ’g an coimhead fein anns gach ealain math. Beachdaich air ordugh tean nan Carthuisianach, nan Sistersianach, agus air Manaich, agus* Nunaich, no mnan coisreichte nan ordugh fa-leath; cionnas ata siad ag eireagh gach oiche, chum Sailm shein d’ ar Tighearna. Uime sin bu mhor an naire dhuit, bhith lan leisge aig leathaid do am go naomh; anns an toiseich buidhean go mor do luchd-diadhai’ air Dia mholla’ le lua-ghaireachd. Och nach bithea’ ni air bith eile againe re dheanamh, ach ar Tighearna Dia sa mholla’ le’r ’n uile chridhe agus ar beul! Och nach bithea’ feam agad go brach, air biadh, no deoch no cadal; ach gu b’ urra’ dhuit Dia mholla’ go siorrui’, agus amhain bhith re saothair, anns na gnathachaibh spioradalta; ann sin bhithea’ tu moran na b’ shona, na tha thu nois, ’n uair ata thu fo eigean na feola riarucha’. Gu ’n tuga’ Dia, nach bithea’ leathaid sin eigeanan ann; ach amhain a’-nuathachan spirodalta an anaim, a ’s tearc lein, mo thruaidhe! bhlasa’, * Cailleich-dhu. [TD 50] An uair thig an duine ’n uige so, is nach iarr e a chofurtachd o ni air bith cruthaichte, ann sin, mar an ceudna toiseichi’ se, air tus, eolas ghabhail air Dia go trom-lan; ann sin fos, bithi’ se toileichte go maith, leis an doigh, air an tachair gach ni dha. Ann sin cha chuir am moran aoiblineas air, is cha toir am beag bron an d’ a ionsui’ se; ach earbai’ se e fein go lear, agus go muingineach ri Dia, an ti ’se t iomlan dhasa, anns gach uile ni, d’ a nach millear, agus nach basaichear aon ni; ach annsan ata gach uile bheo ag friathala’ dha, gan dail, air a smeid. Cuimhneich air an chrioch do ghna, agus nach pill an t am cailte air-ais. As eagmhais mor churam agus dicheall, cha solaraich thu na subhailcean am feasd. Ma thoiseicheas tu air fasa’ fuar-chrabhach, toiseichi’ tu air bhith go olc agad fein; ach ma bheir thu thu fein chum durachdas, gheabh thu sio-chainte mhor, agus mothaichi’ tu do shaothair ro aotram, deanta airson gradh Dhea agus speis nan subhailce. Tha an duine tre-dhireach, agus dicheallach, deas chum gach aon ni. Is moa go mor an ghniomh, dol ann aghai’ nan olc, agus nan droch-fhulanas, na fallus bhith ort le mor ghniomh-laimh. An ti nach seachain na ciontan beag, uige air ’n uige, tuiti ’se ’sna trom-chiontaibh. Bithi’ gairdeachas ort do ghna aig an oiche, ma ’se, gu ’n chaith thu an la go tarbhach. Cum faire ort fein, duisg thu fein suas, thug comhairle ort fein; agus ciod air bith thig air luchd-eile, na bith dearmadach ort fein. Mar is moa ni thu foirneart ort fein, ann mead sin, theid thu air d’ adhairt air d’ astar. CRIOCH AN CHEUD LEABHAIR. [TD 51] LEANMHUIN CHRIOSD. AN DARA LEABHAR. CAIB. I. Air Giulan an Leath-Stigh. THA rioghachd Dea ’n ar measg sa, deir se an Tighearna. Pill thu fein le d’ uile chridhe se, chum an Tighearna, agus fag an saoghal trua ’so, agus gheabh d’anam fois. Foluim tairchuisne dheanamh air na nitheibh iomallach, agus thoir thu fein do na nitheibh asteach, agus chi thu gu’n tig rioghachd Dea da d’ ionsui’ se. Oir is i rioghachd Dea, sio’ agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh; ni nach tugar do na daoi; thig Criosd’ ugad, ag feuchuin dhuit a chofurtachd sa, ma dh uimeicheas tu ann taobh-tigh dhiot ionad comhnui’ fiuntach air. Tha ghloir uile agus a sgeamh o ’n leath-steach; agus ann sin tha dheagh-ghean aige se. Is ioma celi tha se deanamh chum an leath-steach aige an duine; is blasta a labhairt, is taitneach a chofurtachd, is lionor a ghras, agus a chaidearas iongantach ro anabhar. Och amain fhireanaich! deasaich do chridhe airson do Cheille, chum gu ’n deonaich e teachd ann d’ ionsui’ se, is gu gubh e comhnui’ maille ruit. Oir amhuil mar sin deir se; an ti aige m bheil gradh dhamh, coimhidi’ se mo fhocul sa, agus thig sinn d’ a ionsui’, agus gabhai’ sinn tamh maille ris. Uime sin thoirt aite [TD 52] do Chriosd; agus diult dol-asteach do gach uile eile’. ’N uair bhitheas Criosd agad, tha thu beartach, agus is ro leoir dhuit e. Solaraichi’ se air do shon, agus bithi’ se na fhear-friathalai’ fhireanach dhuit anns gach ni; chum agus nach rig thu leas, earbsa chuirea’ ’sna daoineibh. Oir ata na daoine go grad ag caochla’ agus air ball ag dol as; ach mairri’ Criosd gu siorrui’ agus seasai’ se go daingean gus an chrioch. Oir cha ’n ’eil mor earbs re chuirea’ anns an duine bhasmhor, agus lag, ghe gu bheil e feamail agus gaolach; ni mo is eigin mor mhullad ghabhail o sin, ma’ se, agus bheil e corr uairean ag arra’ ’n ar ’n aghai’, agus ag toirt amharr oirne. Oir iadsan a ’ta agad an diu, feudai’ siad bhith ’n a d’ aghai’ am marach; agus air an lamh eile, is tric mar a ghaoth tha siad ag caochla’. Cuir d’ uile dhochas anns an Tighearna, agus dean do ghradh agus d’ eagal desean; freagairi’ se air do shon, agus ni se dhuit mar is fearr air do shon sa. Ann so, cha ’n ’eil cathair mhairreanach agad, agus cia bith aite sam bith thu, is coigreich agus fear-turais thu, agus cha bhith fois agad am feasd, mor bith thu steach coi-cheangailte ri Criosd. Carson ata thu sealtuin mancuairt dhuit ann so, ’n uair nach e an t aite so, aite do shuaimhneis. Anns na neamhaibh bu choir do d’ aite comhnui’ bhith, agus bu choir dhuit beachda’ air gach ni talmhui’, mar ni tha dol seachad ann grad. Tha gach uile ni dol thart, agus tha thusa fos dol thart cuid riu. Faic, nach dlu-cheangail thu thu fein riu, t eagal gu glacar, agus gu sgriogar thu. Leig do d’ smuainte bhith maille ris an Ti-mhor. Agus sdiurair d’ urnuidh gan tamh gu Criosd. Nam b’ aithne dhuit beachd ghabhail air na nitheibh ard agus neamhail, tamh ghlaca’ ann fulanas Chriosd; agus ’sna creachdaibh naomh comhnui’ dheanamh go toileach [TD 53] annta. Oir ma ruitheas tu go crabhach gu lotan agus cotharan luach-mhor Iosa; mothaichi’ tu solas mor ann triobloid; ni mo ghabhas tu mor churam ma thairchuisnean nan daoine, agus giulanai’ tu ’n airde go furasda briathran an luchd-chul-chain. Bha Criosd fos anns an t saoghal air a mhi-mheasa’ le daoineibh; agus air fhagail ’n a mhor eigean le chairdeibh agus a luchd-eolais ann meadhan nan tair; b’ aill le Criosd fulachd agus bhith fo dhi-mheas; agus an gabh thusa an danadas casaid dheanamh air aon sa bith? Bha naimhdean agus luchd-cul-chain aige Criosd, agus is aill leat sa gach aon bhith agad na cairdean agus na luchd-sochair dhuit. Co as gheabh d’ fhoighidin crun, mar tachair thu ri namhaid idir? Na mar aill leat ni air bith crosdach dhuit fhulana’; cionnas bhitheas tu ’na do charaid do Chriosd? Fulain maille ri Criosd, agus air sga Chriosd, ma ’s math leat rioghacha’ maille ri Criosd. Na racha’ tu, ach aon uair go ceart asteach gu taobh-stigh Iosa, agus na blaisea’ tu beagan de ghradh lasta sa; ann sin cha ghabhui’ tu, ach beag suim de do shochair no de do mio-shochair, ach dheanui’ tu tuille gairdeachais man mhasla’ bheirear ort: bhri gu bheil gradh Iosa ag toirt air an duine tair dheanamh air fein. An ti, tha ’na ghraidheor do Iosa, agus d’ an fhirinn, agus ata fireanach an taobh-stigh dhe fein, agus saor o gach uile togar aincneasta, tha e comasach go saor dh’a, e fein philtin gu Dia, agus e fein thogail suas os a chion fein ann spiorad, agus tamh ghabhail ann buan-mhealtuin. Eisean d’an aithne gach ni, mar ata siad, (eadhon ann Dia, an ti se an fhirinn fein) cha’n ann mar deirear no mar mheasar iad; ata ti so go dimhin glioc, agus na’s foluimte le Dia, na le daoineibh; an ti d’ an aithne e [TD 54] fein ghiulana’ o leath-’steach, agus beag suim dheanamh do na nitheibh o’n leath-amuigh, cha’n iarr e aitean, agus ni mo bhitheas aman iomchui’ dioth air; chum e fein thoirt gu gnathaichean crabhach. Grad ath-bheothaichi’ an duine o’n leath-steach a chuimhne; do bhri, nach doirt e feasd e fein, go lear amuigh air nitheibh iomallach. Cha dean obair o’n leath-amuigh no lamhsach feamail air bith, car tamal, ciuirea’ air; ach mar thachaireas na nithe, socruichi’ se e fein fa’n coimeamh. An ti a ’ta suidheichte agus orduichte go ceart o’n leath-steach, cha ’n ’eil mor aire aige air giulan iongantach agus tuail nan daoine. Mar is moa bheir neach uige fein do nitheibh, ann mead sin bacar, agus cuirear e fo luainneas inntin. Na bithea’ chuis ceart agad, agus thusa air do ghlana’ go maith, thuitea’ gach uile ni mach dhuit, gu do mhath, agus do shochair. Air an abhar sin, tha ioma ni neo-thaitneach dhuit, agus go minic ag cuirea’ amharr ort: bhri nach ’eil thu fosd go iomlan marmh dhuit fein, no dealaichte o gach ni talmhui’. Cha’n ’eil ni mar sin, ag salacha’, agus ag ceangala’ cridhe an duine, mar ata gradh neo-ghlan do nitheibh cruthaichte ag deanamh. Ma chuireas tu cul ri solas o’n leath-amuigh, feudai’ tu beachdacha’ air na nitheibh neamhail, agus lua-ghairdeachas bhith ort go tric ’san taobh-steach dhiot. CAIB. II. Air Foi-gheillea’ Umhal. NA gabh go trom e, co neach ata leat ’no ’na d’ aghai se, ach dean so, agus thug an aire air, gu’m bith Dia maille ruit anns gach ni; a ’ta thu deanamh. [TD 55] Bithea’ deagh choguis agad, agus dionai’ Dia thu go maith. An ti d’an aill le Dia cuideacha thoirt dha, cha’n urra’ mio-run neach air bith, ciuirea’ dheanamh air se. Na b’ aithne dhuit bhith do thosd, agus bhith fulanach, chi tu, gan teagamh air bith, comhna’ an Tighearna. Is fiosrach eisean air am, agus achd do shaorsa, agus uime sin bu choir dhuit thu fein chuirea’ na lamh sa. Buineas e do Dhia comhna’, agus saorsuin thoirt o gach uile naire. Is mor an tairbhe ann go minic gu mor choimhead na irisealaichd, gu b’ aithne d’a luchd-eile ar ciontan sa, agus gu cronnaichea’ siad iadsan. An uair dh ilseicheas an duine e fein, airson a chiontaibh se, ainnsin ciuini’ se luchd-eile na’s faraisde, agus tha se toileacha’ go grad an dream a ’ta ann fearg ris. Tha Dia diona’ agus ag saora’ an ti iriseal: is toigh leis, agus co-furtuichi’ se ’n t iriseal; aomai’ se e fein chum an duine iriseal; agus d’an iriseal bheir e gras mor: agus ann dei’ dha bhith air antromacha’, toga se suas e gu gloir. Tha se foilseacha’ a run diamhara sa do ’n iriseal, agus go blasta ’g a tharruinea’, agus ag toirt cuirea’ dha d’ a ionsui’ fein. Air d’ an duine iriseal masla fhaotuin, tha se ’g a chumail fein suas go ro mhath ann sio-chainte; bhri, gu bheil e seasamh air Dia, agus ni ann air an t saoghal. Na seall ort fein gu d’ rinn thu astar air bith, gus an faic thu fein ’n a d’ iochdaran do gach uile neach. CAIB. III. Air an Duine Mhath Shio-chainteach. AIR tus, cum thu fein ann sio’; ann sin feudae’ tu luchd-eile chuirea’ ann sio’. Feudae’ an duine sio- [TD 56] chainteach tuille feam dheanamh, na duine deagh-fholuimte. Tha ’n duine cas, eadhon ag tionda’ mhaith chum olc, agus tha se creidsin an uile go furasda. Ach tha ’n duine sio-chainteach ag iompacha’ gach aon ni gu math. Eisean a ’ta an sio’ go ceart, cha ’n ’eil amharas aige air aon neach; an ti a ’ta mio-thoileichte agus fo bhuairea, gluasar e mancuairt le iomad amharas: cha ghabh e tamh dha fein, agus ni deonaich e fois do luchd-eile. Is tric tha e ’g ra, ni nach bu choir dha ’g ra’: tha se dearmadach air an ni, a bhithea’ moran na bu shochaireiche dhasan dheanamh. Is lear dha, ciod bu choir do luchd-eile dheanamh; agus tha e dearmadach air an ni, bu choir dha fein dheanamh. Air tus, bithea’ eud agad ma do thimcheall fein, agus ann sin feudae’ tu d’ eud ghnathacha’ le ceartas thaireis air do coimhearsnach. Is math is aithne dhuit leisgeul do dheanatasan fein ghabhail, agus dreach chuirea’ orra, agus cha ’n aill leat leisgeoil na muintir eile ghabhail. Bhithea’ se moran na’s ceirte casaid dheanamh ort fein, agus leisgeul do bhrathair ghabhail. Ma’s mian leat bhith air do ghiulana’, giulain le neach eile. Feuch cia fad tha thu fosd o’n fhior ghradh, agus an irisealachd, nach aithne bhith feargach no corruch ri aon neach, ach ris fein amhain. Cha mhor an gniomh, conaltra dheanamh cuid ri luchd-caomh agus math; oir tha so go nadurrail taitneach do gach uile neach: agus tha gach aon toileach sio’ bhith aige, agus is toigh leis iadsan na’s fearr a ’ta smuaineacha’ mar e fein. Ach bhith beo ann sio-chainte cuid ri luchd-searbh agus doirbh, no ain-ealaineichte, no cuid ri luchd-labhairt ’n ar ’n aghai se, is mor an gras, agus an gniomh ro ion-mholta, agus fearoil e. [TD 57] Tha ’n leathaid sin ann, a tha ’g an cumail fein ann sio-chainte, agus fos aige ’m bheil sioth maille ri luchd-eile. Agus tha siad ann, aige nach ’eil sio-chainte acca fein, agus cha ’n fhulain iad i bhith aige luchd-eile; tha iad na leath-trom do luchd-eile, ach na’s antromaiche do ghna dhoibh fein. Tha iad ann, a ’ta ’g an coimhead fein ann fois, agus re mor shaothair chum luchd-eile thoirt gu sio-chainte. Ach ghidhea’ tha arn uile shio-chainte se ’sam bheatha thrua’ so, re chuirea’ na’s tocha ann fulanas irisealach, na gan bhith ag mothacha’ an-choineamhean. An ti is fearr d’an aithne fulachd, is moa an t sio-chainte a chumas e; ’se sin an duine tha ’na bhuaidheich air fein agus ’na thighearna air an t saoghal, na charaid aige Criosd agus ’na oirre air neamh. CAIB. IV. Air an Inntin Ghlan, agus am Mian Neo-lochdach. LE da sgiath togar an duine o nitheibh talmhui; eadhon ionracas, agus gloinnead cridhe. Bu choir ionracas bhith ’san mhian, agus gloinnead ’san togar. Tha t ionracas ag cuirea’ Dea roipe, agus tha gloinnead ghabhail gream air, agus ’g a blasa’ sa. Cha bhac deagh ghniomh air bith thu, ma bhitheas tu saor o’n leath-steach o chogar mio-orduichte. Mar ’eil ni air bith eile mhian ort a shirea’, ach deagh-ghean Dea, agus feam do choimhearsnaich, mealai’ tu saorsa o’n leath-steach. Na bithea’ do chridhe ceart; annsin bhithea’ gach duile mar sgathan beathai dhuit, agus mar leabhar naoimh theagaisg. Cha ’n ’eil creatoir air bith go suarach agus go beag, nach ’eil ag feuchuin maitheas Dea. [TD 58] Na bithea’ tusa math agus glan o’n leath-stigh, chithea’ tu gach ni gan bhac, agus b’aithne dhuit iad go maith. Tollai’ cridhe glan Neamh agus Ifrion. Mar ata gach neach o’n leath-stigh, amhuil sin bheir e breath o’n leath-amuigh; ma’se gu bheil aoibhneas air bith ’san t saoghal, tha so, gan teagamh, aige fear an chridhe ghloine. Ach ma tha triobloid, no amharr ann aite air bith, mothaichi’ ’n droch choguis sin na’s truime. Mar ata t iarrun air a chuirea’ san teine, ag calla’ na meirgea, agus air a dheanamh na uile theine; amhuil sin thu duine a thiondas e fein go iomlan gu Dia, ag tiligea ’dhe a lundaireachd, atharaichear e gu nua’ dhuine. An uair thoiseicheas duine air fasa’ fuar-chrabhach, is eagal leisean an t shaothair bheag, agus go deonach gabhai’ se cofurtachd iomallach. Ach an uair thoiseicheas e air buaidhe thoirt air fein go iomlan, agus air gluasa’ go fearoil ann slighe Dhea, ann sin, measai’ se na nithe sin ro bheag, a mhothaich e roi, ’n an eullach ro throm air. CAIB. V. Air Lear-bheachda Beathai aoin fein. CHA’N urra’ sinn mor earbs chuirea’ annaine fein; bhri gu bheil gras agus tuigse go tric dhi’ oirne. Is beag an sollus a’ta annaine, agus tha sinn ag calla’ sin gu luath tre dearmad, agus fos, is ro thric nach leir dhuinne, gu bheil sinn go ro dhall o’n leath-steach. Is minic tha sinn ag deanamh go olc, agus na’s measa, tre gabhail ar leisgeul; air uairean gluaisear sinn le ardan, agus saoili’ sinn gur fior eud e. Cronnaichi’ sinn am beagan ann luchd-eile, agus seallai’ sinn thaireis air ar mor chiontaibh fein. Is tapai’ mhothaicheas, agus cho’- [TD 59] romaicheas sinn na nithe a’ta sinn fulana’ o luchd-eile, ach ni’m faic sinn cia mead tha luchd-eile ag fulachd uaine fein. An ti cho’-romaicheas a chiontan fein go ceart, agus go maith; cha bhithea’ aite aige, chum agus gu’n tuga’ se tean bhreath air muintir uile. Cuiri’ duine o’n leath-steach, an curam ma thimcheall fein, roi gach uile curam: agus an neach a sheallas air fein go dicheallach; go furasda tha se ’na thosd ma chach-eile. Cha bhith thu am feasd ’na do dhuine crabhach o’n taobh-stigh, mar bith thu ciuine ma ghnothach na muintir eile, agus mar seall thu go sonruichte ort fein. Na featha’ tu go lear air Dia agus ort fein, is beag bhithi’ tu air do ghluasa’, le aon ni a chi tu amuigh. C’aite ’m bheil thu ’n uair nach ’eil thu lathair agad fein? agus an uair ruitheas tu thaireis air gach ni; ciod an tairbhe rinn thu, ma dhio-chuimhneich thu thu fein? Ma’s mian leat sio-chainte agus fior chorda bhith agad; is eigin dhuit gach ni eile chuirea’ air chul, agus do shuilean thionda’ ort fein amhain. Ann sin is mor theid thu air adhairt, ma ghleathas tu thu fein saor o gach curam talmhui: ach is mor dfhannaicheas tu, ma chuireas tu luach air ni air bith saoghalta. Na bithea’ dad air bith mor, no ard, no ciatach, no taitneach dhuit, ach amhain Dia go glan; no na nithe a bhuineas do Dhia. Meas an t uile mar dhiamhaoin, ciod air bith do sholas thig ort o dhuile sam bith. An t anam aige am bheil gradh do Dhia, do ni se tair air gach aon ni fo Dhia. ’Se Dia amhain, an ti ’ta siorrui’ do-thomhaiste, ag iomliona’ gach uile solas an anaim, agus aoibhneas fhireanach an chridhe. [TD 60] CAIB. VI. Air Gairdeachas na Deagh Choguis. ’SE gloir an duine mhaith, teisdeas na deagh choguis. Bithea’ deagh choguis agad, agus bithi’ gairdeachas agad do ghna. Is mor an luchd a ’s urra’ coguis mhath imereacha’, agus tha i ro ghraonnach ann meadhan nan eascairdeas. Tha choguis olc do ghna eagalach agus gan fhois. Go blasta gabhai’ tu fois, ma ’se agus nach cronnaich do chridhe thu. Na dean gairdeachas, ach amhain an uair ni thu go maith. Cha’ n’ eil fior aoibhneas am feasd aige na daoi, ni mo mhothaicheas iad sioth o’n leath-stigh: chion nach ’eil sio-chainte idir do na daoi, deir se an Tighearna. Agus ma their iad, tha sinn ann sio-chiante, ni mo thig olcas oirne; agus co ghabhas an danadas dochan dheanamh oirne. Na creid iad; do bhri gu’n eireich corruich Dhea go ubbuin, bheirear an gniomhara sa gu neo-ni, agus sgriosai’ an smuaintean sa as. Cha ’n ’eil e aotrom do fhear gradhach, gloir dheanamh fo thriobloid; oir gloir dheanamh mar sin, ’se sin gloir ghabhail ann crois an Tighearna. Is gear an gloir a bheirear, agus a ghlacar le daoineibh. Tha bron do ghna dol cuid ri gloir an t saoghail. Tha gloir nan daoine math ’na coguiseibh se, agus ni ann ann beul nan daoine. Tha gairdeachas nan daoine coir ma Dhia, agus ann Dia, agus an aoibhneas sa man fhirinn. An ti leis am mian an gloir fireanach agus siorrui’, cha ghabh e mor churam do ghloir aimsireal. Agus an neach dh iarras air deidh gloir aimsireal, no neach nach dean tair air o chridhe, tha se feuchuin, nach ’eil, ach beag graidh aige do ni sin a’ ta neamhail. Is mor an suaimhneas [TD 61] cridhe a tha aige an neach sin, aige nach ’eil sgoine do mollaibh, no do mio-mhollaibh. Is furasda bhitheas an neach sin toileichte agus ciuine, aige’ m bheil an choguis ghlan. Cha ’n ’eil thu na’s maoimhe, ghe gu mollar thu, no na ’s suaraiche ghe gu mio-mhollar thu. Mar ata thu, so tha thu, agus cha ’n urra’ dhuit bhith air do ra’ na’s moa, na tha Dia’ ’g a d’ fhaicin se, bhith mar sin. Na sealla’ tu ort fein, ciod e thu fein o’n leath-steach, cha bhith curam ort, ciod their daoine ma do thimcheall. Tha an duine ag faicin na aodain, ach seallai’ Dia air an chridhe. Tha ’n duine ag sealtuin air na gniomharaibh, ach co-’romaichi’ Dia go deimhin na runa. Bhith deanamh go maith do ghna, agus meas beag ghabhail de neach fein, is fior chothar an anaim iriseal e: agus ’se cothar na gloinneid mhoir, agus am mhuingin o’n taobh-stigh, gan bhith gabhail cofurtachd o dhuile air bith cruthaichte. An ti nach iarr dha fein teisdeas o’ n leath-amuigh tha e soilleir gu bheil e ’g a earbsa’ fein ri Dia go iomlan. Cha’n e ti a mhollas e fein, a dhearbhar le Dia (deirse Naomh Pol) ach an ti ’ta Dia ag molla’. ’Si sdaid an duine o’n leath-stigh, bhith ag imeachd maille ri Dia, agus gan bhith air a chumail le togar air bith o’n leath-amuigh. CAIB. VII. Air Gradh Iosa os-cion gach Ni. IS beannaichte an ti d’an aithne, ciod e gradh thoirt do Iosa, agus tair dheanamh air fein airson Iosa. Is eigin dhuinne gach ni gaolach threigea’ airson an ti ghradhaichte so, chion gur aill le Iosa bhith na’ aonar [TD 62] air a ghradhacha’ os-cion gach aon ni. Tha speis an chreatoir mealta, agus mio-bhuan, ach tha gradh Iosa fireanach agus bith-bhuan. An ti leanas go dlu ris an chreatoir, tuiti’ se maille ris an tuisleach: an ti chuireas failte air Iosa, daingeichir e am feasd. Thoir gradh dhasan, agus cum ruit e mar do charaid, an ti nach fag thu, air do gach neach do fhagail, ni mo cheadaicheas e dhuit dol am mugha ’san chrioch. Aon uair is eigin dhuit dealacha’ o gach aon, co acca is maith no’s olc leat e. Cum thu fein maille ri Iosa araon ann beatha, agus am bas, agus thoir thu fein do chreideas an neach d’an urra’ do comhna’ mhain, air do gach neach eile failigea’ dhuit. Tha do graidheor mar sin thaobh naduir dhuit, nach aill leis failte chuir air coigreach air bith, ach is aill leis mar-aon do chridhe bhith aige se, agus mar riogh suidhea’ na chathair cheart fein. Na b’ aithne dhuit, ach thu fein ghlana’ go maith o gach uile duile; bu mhian le Iosa comhnui’ ghabail maille ruit go toileach. Gheabh thu an t iomlan, mar gu b’e ni cailte ’sna daoineibh, ciod air bith a chuir thusa amach o Iosa. Na cuir d’earbs sa, no do chuideam air cuilce air bith gaothail; chion gur feur gach feoil, agus tuiti’ a gloir san uile mar bhlath an fheoir. Is grad mheallar thu, ma ’se gu seall thu amhain air dreach an duine o’n leath-amuigh. Oir ma ’se gu’n iarr thu do thairbhe, agus do sholas ann luchd eile, is minic mhothaicheas tu do dhochan. Ach ma dh iarras tu Iosa anns gach ni, gan teagamh, tachairi’ tu ri Iosa; ach ma dh iarras tu thu fein amhain, gheabh thu fos thu fein, ach fos sin fein, chum do mhor sgriosa fein. Oir mar iarr an duine Iosa, tha se deanamh tuille dochan air fein, na b’ urra’ an saoghal uile, agus uile eascairdean sa dheanamh air. [TD 63] CAIB. VIII. Air Cairdeas Chaidereach Iosa. AN uair ata Iosa lathair, tha gach ni ag dol go maith, agus ni faicear ni air bith do-dheanta. Ach an uair nach ’eil Iosa lathair, tha t iomlan cruai’. An uair nach ’eil Iosa lathair o ’n leath-steach, tha ’n cofurtach suarach; ach ma labhaireas Iosa, ach aon fhocul amhain, is mor an cofurtachd mhothaichir ann sin. Nach d’ eireich Muire Magdalaen air ball as an aite, ’san robh i caoinea’, an uair thuairt Martha ri: tha Tighearna ann so, agus tha se ’g a do gairmea’ sa? O uair shona, an tra ghairmeas Iosa neach o dheoir gu aoibhneas an spioraid! Cia tirem agus cruaidhe ata thu as eagmbais Iosa! Cia gorach agus faoine, ma mhiannaicheas tu aon ni, ann taobh-amuigh do Iosa! Nach moa an call so, na ghe gu caillea’ tu ’n soaghal uile? Ciod an tairbhe ata san t saoghal dhuit gan Iosa? Is trom an t iurrun bhith as eagmhais Iosa, agus bhith maille ri Iosa, is mileis am pharais e. Ma bhitheas Iosa, maille ruit, cha ’n urra’ mamhaid air bith ciuirea’ dheanamh ort. An neach a ’ta faotuin Iosa, tha se faotuin mor ionmhas, eadhon am math os-cion gach uile maith; agus an neach a’ta calla’ Iosa, tha se calla’ ni ro mhor, sea’ ni na ’s anabar na domhuin uile. Is ro bhochd an ti a’ta beo as eagmhais Iosa, agus tha se ro bheartach, a ’ta go maith maille ri Iosa. Is mor an t inleachd eolas ghabhail air conaltra dheanamh mar ri Iosa: agus is mor an gliocas bhith eolach air Iosa choimhedea’; bith iriseal agus ciuine, agus bithi’ Iosa cuid ruit. Bith tosdach agus crabhach, agus [TD 64] fanai’ Iosa maille ruit. Tha e comasach dhuit, Iosa fhuadacha’ uaite go grad, agus a ghras sa challa’, ma ’s maith leat thu fein aoma’ chum nithe iomallach. Ach ma dfhuadaicheas agus ma chailleas tu eisean; co uige theid thu, no co caraid ann sin dh iarras ’tu? Gan charaid, cha ’n urra’ dhuit tighin beo go maith; agus mar bith Iosa agad mar charaid, roi gach uile neach, bithi’ tu go bronach agus ro lom. Uime sin is gorach a ni thu, ma chuireas tu earbs ’n aon neach eile, no ma ni thu gairdeachas as. Tha e moran na’s moa re raoineacha’, an saoghal go lear bhith againe ’n ar n aghai se, na eacoir dheanamh air Iosa. Air an abhar sin, bithea’ Iosa dhuit an cead gradhach sonruichte amhain, do gach uile ni tha gaolach dhuit. Bithea’ gach uile neach air a ghradhacha’ airson sga Iosa, ach Iosa air a shon fein amhain. ’Se Iosa Criosd amhain is eigin bhith air a ghradhacha’ ’n a aonar. Bhri gur eisean amhain ata air a fhaotuin fireanach, agus math thar gach uile caraid. Bithea’ da chuid, gach caraid, agus namhaid gaolach dhuit annsan, agus air a sga san; agus is eigin dhuit eisean ghuidhea’ air an son sa uile; chum agus gu gabh iad uile eolas air, agus gu ’n toir iad uile gradh dha. Na miannaich am feasd bhith molta no gradhaichte, na d’ aonar; chion gu buin so do Dhia ’na aonar, an ti aige nach ’eil duile coslach ris fein; na miannaich gu ’m bithea’ cridhe aoin neach air a shuidheacha’ ortsa, agus na ceaduich dhuit fein na ’s moa, bhith air do thogail suas le gaol aoin air bith eile, ach bithea’ Iosa annadsa, agus anns gach uile deagh dhuine. Bith glan agus saor o ’n leath-steach, as eagmhais lub-cheangail creatoir air bith. Is eigin dhuit bhith ruisgte, agus cridhe glan thoirt gu Dia, ma ’s mian leat thoirt fanaire, agus fhaicin, cia mileis ata an Tighearna: [TD 65] ach go deimhin, cha tig thu am fad so, mar ghabhar romhad, agus mar toirear asteach thu le gras; chum agus air dhuit gach ni eile thiligea’ dhiot, agus bhith saor dhiu; gu’m feud thu leat fein, bhith coi-cheangailte ris, leis fhein. Oir an t am thig gras Dea ionsui’ an duine, ann sin, deanar e comasach chum gach uile nithe; ach an uair dfhalbhas e, bithi’ se bochd agus easlainteach air a fhagail, mar gu b’ e, chum na slat-bhuillean. Ann ’sna nitheibh sin, cha choir dha misneach challa’ no tuiteam ann lag dhochas; ach seasamh le cridhe direach, agus e fein earba’ ri toil Dea, agus gach ni ag tighin air fhulana’ chum molla Iosa Chriosd; do bhri ann deidh geamhrai’, leanai’ an samhra, deidh na oiche, thig an la, agus ann deidh na trom-ghaillion thig ciuineas mor. CAIB. IX. Air Uireasbhui’ Gach Furtachd. CHA ’n ’eil e ’na ghniomh mor, tair dheanamh air gach uile cofurtachd daonna; an uair tha ’n cofurtachd diadhai’ againe se. Ach is mor e, agus is ro mhor e, bhith comasach air gach uile cofurtachd, araon diadhai’ agus daonna sheachna; agus bhith deonach airson onoir Dhea, am fogar cridhe so ghiulana’ go toileach, agus gan e fein iarra’ ann ni air bith, no gan sealtuin air a thoilteneas fein. Ciod an ni mor ann, ma bhitheas tu cridheol agus crabhach, air do ’n gras tighin. Tha ’n uair so taitneach do gach uile. Is aotrom blasta mharcaicheas an ti a ’ta air a ghiulana’ le gras Dea. Agus ciamar tha sin iongantach, mar mothaich e ’n eullach, a’ta giulainte leis an uile chumhachdach, agus treoruichte leis an fhear-iuil is airde air bith. [TD 66] Bu mhaith lein ni eigin a bhith againe chum ar cofurtachd sa, agus is ann le mor cruas, is urra’ ’n duine e fein chuirea’ dhe fein. Thug am Martair Naomh Laurain buaidhe air an t saoghal, maille re Shagairt se; do bhri gu d’ rinn e tair air gach ni, a shaoilear ciatach ’san t saoghal, agus air son gradh Chriosd; dfhulain e ard Shagairt Dea Sisctus, d’ an robh mor gradh aige, bhith air a thoirt uaidhe. Thug se, uime sin, buaidhe air speis an duine tre gradh an Chruthadair; ann aite cofurtachd dhaona, thaogh se na bu mhoa, an gean-math diadhai’; mar an ceudna ionsaich thusa fos, do charaid gaolach agus feamail threigea’ air uairean, airson gaol Dea. Agus na gabh go trom e, ’n uair threigear thu le caraid, chion gur aithne dhuinne, gur eigin dhuinne uile, luath no mall dealacha’ o cheille. Is mor agus is fad an t am, is eigin do ’n duine coga’ dheanamh anna fein; ma ’s ionsaich e buaidhe iomlan fhaotuin air fein, agus a thogar iomlan sa tharruinea’ gu Dia. An uair ata an duine seasamh air a thaic fein, aomai’ se go furasda ionsui’ cofurtachan daonna. Ach cha ruith fior ghraidheor Chriosd, agus fear-leanach dicheallach nan subhailce air deidh nan solas talmhui’ sin; ni mo dh iarras e leathaidin sin do mhilseachd mhothachail; ach is taitneiche leis go mor na deuchuinean laidir, agus na saothairean cruadalach fhulana’ airson Chriosd. Uime sin, an uair bheirear le Dia no solasa spioradalta air falbh; gabh e le gniomh nam buidheachas; ach tuig gur e tiolaca’ Dea ann, cha ’n e do thoilteneas fein. Na bith ard-inntineach, na dean tuille ’s a choir ghairdeachais; na gabh go diamhaoin danadas; ach bith na’s iriseallaiche airson na tiolaca’, agus mar an ceudna na ’s curamaiche agus na ’s eagalaiche ’n a t uile dheanatasaibh [TD 67] se; do bhri gu teid an uair sin seachad, agus leanai’ am buairea’ i. An tra bheirear an solas air falbh, na bithea’ do-earbs go grad agad, ach fan ris an cheli neamhail, le foighidin agus irisealachd; chion gu bheil Dia comasach air cofurtachd na ’s moa thoirt dhuit air-ais. Cha rud ur, no iongantach so dhoibh se, d’ an aithne slighe Dhea; do bhri gur minic bha t achd manseach so re fhaicin, ann ’sna Naoimh mhoir agus na Faidheibh o shean. O so thuairt aon neach, an uair ’san robh an gras an lathair aige: Labhair mi ann mo phailteas sa, ni gluaisear mi am feasd. Ach an tra bha an gras dhioth air; air ball tha se ’g innsea’ dhuinne, ciod mhothaich e ann fein, ag ra’. Thionda’ thu do ghnuis uam sa, agus rinnead mi lan triobloid. Ach ghidhea’ ann meadhean nan nithe so; cha do chaill e riamh dochas, ach le tuille durachd tha se guidhea’ an Tighearna, agus ag ra’ ris’. Ugad o Thighearna glaothai’ mi, agus guidhi’ mi air mo Dhia! Ann deidh sin; tha se ’g innsea’ tora’ a urnuidh se, agus ag toirt fianuis air; gu cualar e, ag ra.’ Chuala an Tighearna mi agus ghabh e truas dhim: dfhas an Tighearna m’ fhear-cuideich dhamh sa. Ach ciod ann doigh? Phill thu, deir se, mo bhron gu aoibhneas agus chuartuich thu mi le lua-ghairdeachas. Ma ’se agus gu ’n d’ rinnear so air na Naoimh mhoir, cha ’n eigin dhuinne, ata bochd agus lag, bhith air ar di-mhisneacha’, ma ’se, gu bheil sinn air uairean, ann teas-dhurachd, agus air uairean eile, ann fuachd; do bhri gu bheil an spiorad ag dol, agus tighin do reir gean-math a thoil fein. O so deir Iob beannaichte; go tra’ thig thu air cuairt ’sam mhadain, agus air ball bheir thu deuchuin d’ a. [TD 68] Uime sin, ciod an ni? air am feud mi, mo dhuil chuirea’, agus co neach anns am bu choir dhamh m’ earbs sa shuidheachea’, ach amhain ann am mor throcair Dea, agus ann an duil an ghrais neamhail? Oir co acca tha daoine math, no brathairean crabhach, no cairdean dileas, no leabhraichean naomh, no trachdan boidheach, no ceol blasta agus laoidhean agam ann mo chuideachd: is beag an comhna bheir so uile, agus is beag am blas sa; an uair tha ’n gras dhioth orm, agus mi air m’ fhagail ann mo bhochduin arai’ fein. ’San uair sin, cha ’n eile leigheas na ’s fearr ann na foighidin, agus mi fein fhagail gu toil Dea. Cha tuair mi riamh aon neach, go diadhai’, agus go crabhach, agus nach robh diobairt an ghrais air uairean aige, no nach do mhothaich e traogh na durachdais. Cha robh Naomh riamh air a thogail suas go ro ard, agus soilleireichte go mor, nach robh air a bhuairea’ ’san toiseach, no fai-dheirea’. Oir cha ’n fhiu e, air lan-bheachda’ air Dia, an ti nach robh airson Dea, air a chleachda’ ri triobloid eigin. Oir is gnathach do’n bhuairea’ roi laimh, bhith na chothar air an t solas re thighin. Oir tha an cofurtachd neamhail air a ghealla’ dhoibh se, a’ta air an dearbha’ le buaireibh. An neach bheir buaidhe amach, deir se an Tighearna, bheir mi dha re ichea’ do chraobh na beathai. Tha ’n cofurtachd diadhai ’air a thoirt seachad, chum gu fas an duine na ’s comasaichie air eas-cairdeasan fhulana’. Agus tha buairea’ ag leantuin, chum nach bithea’ e uaibhreach ma’n mhath. Cha ’n ’eil an Diabhol re cadal, ni mo tha ’n fheoil fosd marmh: air an abhar sin, na sguir bhith ’g a d’ uimeacha’ fein chum cath; chion gu bheil naimhdean agad araon, air an lamh dheas, agus cli, noch ’eil gabhail tamh am feasd. [TD 69] CAIB. X. Air Taingeolachd airson Grais Dea. CARSON ata thu ’g iarra’ fois, an uair do ruga’ tu chum saothair. Suidheich thu fein chum foighidin, na ’s moa na chum solasan; agus chum an cran-ceusai’ ghiulana’, na ’s luaithe na chum aoibhneas dheanamh. Oir co neach ann, do mhuintir an t saoghail, nach gabhui’ se go deonach cofurtachd agus gairdeachas spioradalta, na b’ urra’ dha sin bhith aige do ghna. Oir tha na solasa spioradalta dol thaireis go fada, air uile mhilseachd an t saoghail, agus toileachas-inntin na feola. Oir tha gach uile milseachd talmhui, an dara cuid faoine, no salach, ach ’siad na suaimhneasa spioradalta ’mhain, a ’ta ciatach agus ionruic, air an ginea’ o shubhailceibh, agus air an dorta’ steach le Dia ’sna inntineibh glan. Ach cha ’n urra’ duine air bith, na solasa sin do ghna mhealtuin, an uair is aill leis; chion nach fad an uine, tha am bhuairei’ air falbh. Ach an ni ata cuirea’ baca ro mhor air na celeibh neamhail sin, ’se fuasgal mealtach an anaim e, agus muingin mor ’n aon fein. Tha Dia deanamh go ro mhaith, ann toirt grais an t solais, ach ata duine deanamh go ro olc, ’n uair nach pill e t iomlan gu Dia, maile ri buidheachas. Agus air an abhar so, cha ’n urra’ tiolachdan an ghrais srutha’ annaine se; chion gu bheil sinn neo-thaingeolach d’ an udar sa, agus nach ’eil sinn ag pillea ’n iomlan ionsui’ chin-tobair. Oir tha ’n gras do ghna dligheach do ’n ti, a bheir buidheachas go fiuntach; agus bheirear o ’n uaibhreach, an ni is gnathach bhith air a thoirt do’n irisealach. [TD 70] Cha ’n aill leam leathaid sin do sholas, a bheir uam tuirse-cridhe, agus ni ’n togair mi an lan-beachda sin, a threoruicheas mi chum uabhair. Oir cha ’n ’eil gach ni ’ta ard, mar an ceudna naomh; no gach ni ’ta ciatach, fos math; ni bheil gach togar glan, ni bheil gach ni ’ta gaolach dhuinne, taitneach fos do Dhia. Gabham go toileach an gras sin, a ni mise do ghna na ’s irisealaiche, na ’s eagalaiche, agus na ’s deise chum mi fein threigea’. An neach ata teagaisgte tre tiolaca’ ghrais, ionsaichte le sgiurs; air imeachd an ghrais air falbh, ni gabh e danadas dad air bith do mhath, a chuir as leath fein, ach na ’s tocha na sin, aideichi’ se e fein bhith bochd agus lom-nochd. Thoir do Dhia, an ni bhuineas d’ a, agus cuir as do leath fein, an ni is leat fein; se so, thoir buidheachas do Dhia airson an ghrais: ach bithea’ fios agad, nach ’eil dad agad re chuirea’ as do leath fein, ach peaca agus am pian dligheach do ’n pheaca. Cuir thu fein do ghna ’san aite is ilse, agus bheirear an t aite is airde dhuit. Oir cha seasamh an ni is ro ard, gan an ni is ilse. ’Siad na Naoimh is airde ann lathair Dhea, is lugha ’n am beachd fein: agus mar is moa tha iad glormhor, is moa tha siad irisealach annta fein. Air dhoibh bhith lan firinn, agus gloir neamhail, ni bheil iad santach air faoine gloir. Air dhoibh bhith suidheichte agus daingeichte ann Dia, cha ’n urrruin iad ann doigh air bith, bith uaibhreach. Agus iad san a ’ta cuirea’ an iomlan as leath Dhea, ciod air bith do mhath a thuair iad, cha’n iarr iad gloir o cheille; ach an gloir sin a ’ta ’mhain o Dhia, is main leo, agus is maith leo, os-cion gach ni; chum gu’m bithea’ Dia air a mholla’ annta fein, agus anns na Naoimh uile, agus chum na crioch ceudna so, tha siad do ghna ag trialla’. [TD 71] Air an abhar sin, bith taingeol air son an ni is lugha, agus bithi’ tu na’s toiltenieche air am mhoran fhaotuin. Bithea’ an ro bheag, mar ni eigin ro mhor dhuit; agus an ni is suaraiche, mar chaoineas sonruiche dhuit. Ma ’se, is gu seallar asteach air feothas an fhir-thoirt, ni faicear leat tiolaca’ air bith beag, no suarach: Oir cha’ n ’eil ni air bith beag a’ ta air a thoirt le Dia go mor; ghidhea’ gu’m b’e sgiurs agus piana bheirea’ e seachad, bu choir da sin bhith taitneach dhuinne; chion gu bheil e deanamh sin chum ar slainte se; ciod air bith thig oirne, tha e ceadacha’ sin fein. An ti aige’m bheil mian grais Dea ghleatha’, bithea’ e taingeol airson ghrais, a tha air a thoirt dha, agus foighidineach, an tra bheirear uaidhe e; Guidh se gu’m pillea’ se: agus bithea’ e curamach agus iriseal, air eagal gu caill se e. CAIB. XI. Air Aireamh bheag Luchd-graidh an Chrain-cheusai? IS lionor ann nois an luchd-graidh do’n rioghachd neamhail, a’ ta aige Iosa; ach is ro bheag a’ ta deonach air chran-cheusai’ dfhiulana’. Tha moran aige do luchd-miannach nan solas, ach beag d’an aill an triobloid: Tha moran aige re fhaotuin ’n an luchd-pairt do bhord, ach beag do sheachanas sa. Is mian leis gach neach bhith re gairdeachas maille ris, ach is beag d’ an aill ni eigin fhulana’ air a shon sa. Is lionor iad san a’ ta leanachd Iosa chum brisea’ an arain, ach is tearc iad a theid chum ola’ cupain a fhulanais se. Is lionor iad a’ta gabhail iongantas a’ mhiorbhuileibh se, ach is beag iad a’ta dlu-leanach re masla chrain-cheusai’. Is lionor iad, aige ’m bheil gradh do Iosa, co fad agus nach tachair amharran sam bith. Tha siad ’g a mholla’ [TD 72] agus ’g a bheannacha’ sa, am fad agus gheabh iad solasan eigin uaidhe. Ach ma dfholuicheas Iosa e fein, agus ma dfhagas e siad car tamul beag, tuiti’ siad ann gearan agus ann smuarain. ’Ach iadsan, aige ’m bheil gradh do Iosa, air sga Iosa, ni ann airson an solais arai’ fein, tha siad ’g a bheannacha’ sa, cheart go mor, ann triobloid agus amharr-cridhe, mar anns an t sholas is airde. Agus ghe nach b’aill leis cofurtachd thoirt dhoibh go brach, ghidhea’ sin mhollui’ siad e do ghna, agus b’aill leo buidheacheas thoirt dha am feasd. Och cia comasach ata gradh glan Iosa, an uair nach ’eil e comaisgte le speis, no tairbhe arai’ air bith! Nach eigin labhara’; gur luchd tuarasdail iadsan uile, a’ ta ’g iarra’ do ghna solasan? Nach ’eil iad air an dearbha’ na luchd-ghraidh dhoibh fein, na’s moa, na do Iosa, a’ta smuaineacha’ do ghna air an tairbheibh, agus cosaineibh fein. C’aite bheil a leathaid sin do fhear re fhaotuin, agus a ni seirbheas go saor do Dhia? Is tearc gheabhar a leathaid sin do neach spioradalta, agus a ’ta ruisgte do gach ni: Oir co gheabh amach an neach a ’ta go fireanach bochd ann spiorad, agus ruisgte do gach ni cruthaichte. Tha luach sa, mar an ni, thig am fad, agus o iomall nan crioch: ghe gu’n tuga’ duine a mhaoin go iomlan, ni bheil ann fosd, ach neo-ni; agus ghe gu’n deana’ se mor pheanas, ni ’m bheil ann fosd, ach ro bheag; agus ghe gu’n toga’ se gach uile eolas, thu e fos fad as; agus ghe gu’m bithea’ aige subhailce mhor, agus an crabh is durachdaiche, tha fosd moran nithe dhioth air; eadhon, an ni a ’ta go arai’ feamail air a shon sa. Agus ciod e an ni sin? Air dha gach uile ni threigea’, gu’m faggae’ se e fein mar an ceudna, agus gu rachae’ se go [TD 73] iomlan amach as fein, agus nach cumae’ se aige fein, ni air bith a bhuineas d’a speis fein. Agus an uair do ni e gach ni, is aithne dha bhith re dheanamh, saoilea’ e nach d’ rinn e neo-ni. Na co-’romaichea’ se an ni sin ro mhor, a dfheudas bhith air a mheasa’ mor; ach ann firinn, gairmea’ se e fein, mar sheirbheasach gan fheam; mar deir an fhirinn, ag ’ra; an uair do ni sibh gach aon ni, a dh aithne dhuibh, abaireibh, ni bheil annaine, ach seirbheasaich neo-tharbhach; ann sin feudae’ se bhith go deimhin, bochd agus lom-nochd ann spiorad, agus a ra’ maille ris an Fhaidhe: tha mi m’ aonar agus bochd. Ach cha’ n ’eil aon neach na’s beartaiche, no na’s comasasche, no aon neach na’s saoire na eisean, d’an aithne e fein fhagail agus gach aon ni eile, agus d’an aithne e fein shuidheacha’ san aite is ilse. CAIB. XII. Air Slighe Rioghail Chrain-cheusai’. MEASAR le iomad neach, gur cruaidhe an ra’ so; diult thu fein, tog do chran-ceusai’, agus lean Iosa. Ach bithi’ se moran na’s cruaidhe am focul deireanach ud chluintin. Imeicheibh uam, sibh se a ’ta malluichte gu teine siorrui’. Oir iadsan anois a ’ta cluintin go toileach, agus a ’ta leantuin briathair an chrain-cheusai’; ann sin ni gabh iad eagal a’ cluintin an damnai’ shiorrui’. Bithi’ cothar na crois ann neamh, an uair thig an Tighearna chum breathanais. Ann sin thig iadsan uile gu Criosd am Breathamh, le mor earbs, a bha na seirbheasaich do’n chrois, agus a cho-chruthaich iad fein ’sam bheatha ris an chran-cheusai’. [TD 74] Co uime air an abhar sin, ata fiamh ort do chran-ceusai’ thogail ort, a ’ta treorucha’ ionsui’ rioghachd? ’San chrois tha slainte, ’san chrois tha beatha, ’san chrois tha tearmun o gach mamhaid, ’san chrois tha dorta-steach na milseachd neamhail, ’san chrois tha neart na inntin, ’san chrois tha gairdeachas an spioraid, ’san chrois tha airde na subhailce, ’san chrois tha iomlanachd na naomhachd. Cha ’n ’eil slainte an anaim, no earbs na beathai shiorrui’, ach anns an chrois. Tog suas air an abhar sin do chran-ceusai’, agus lean Iosa; agus theid thu ionsui’ na beathai mhairreanaich. Tha eisean air dol romhad ag giulana’ a chrain-cheusai’ se, agus bhasaich e air chran-cheusai’ air do shon sa; chum agus gu giulanae’ tusa fos do chran-ceusai’ se, agus gu’m bu gradh leat basacha’ air chran-cheusai’. Do bhri, ma bhasaicheas tu maille ris, gu bith thu beo mar an ceudna cuid ris; agus ma ’se gu bheil thu do chompanach peanais aige, bithi’ tu do chophairteich de ghloir se mar an ceudna. Feuch! anns an chran-cheusai’ tha t iomlan ag seasamh, agus ann basacha’ dhuit fein, tha t iomlan ag laidhea’, agus ni bheil slighe air bith eile chum beatha, agus fois fhireanach o’n leath-stigh, ach amhain slighe na crois naoimh, agus ann smachdacha’ lathail an chuirp. Imeich far an aill leat, iarr gach ni air bith is mian leat, agus ni faith thu slighe na’s airde shuas, no ceim na’s tearuinte am bhos, na tha slighe na crois naoimh. Suidheich agus orduich gach uile ni, mar is maith leat, agus mar shaoileas tu, is fearr thig ruit, agus ni faith thu mach; ach ni eigin do ghna, is eigin dhuit fhulana’ go deonach no dhaineoin; agus mar sin, gheabh thu do ghna an chrois. Oir mothaichi’ tu an dara [TD 75] cuid, pian anns an chorp, no fulanai’ tu triobloid sprioraid ’san anam. Air uairean fagar thu le Dia, air uairean craghar thu le do choimhearsnach, agus an tuille air sin; bithi’ tu go tric mar chragh-geur dhuit fein; agus ni mo is urra’ dhuit, bhith air do shaora’ no air d’ aotromacha’ le aon solas no leigheas air bith: ach is eigin dhuit fulana’ go fad agus is aill le Dia. Oir is i toil Dhea, gu’n ionsaichea’ tu triobloid gan solas fhulana’, chum agus, gu geillea’ tu dha go iomlan, agus gu’m fasai’ tu na b’irisealaiche o thriobloid: Ni mothaich duine air bith fulanas Chriosd, go beothail ris an neach sin, d’ an tachair an samhal ceudna fhulana’. Air an abhar sin, tha chrois deas do ghna, agus tha i featha’ ort anns gach aite. Cia b’e air bith aite gus an teich thu; cha’n urra’ dhuit a seachna’ sa; ciod air bith aite gus an tig thu, tha thu’g a’ d’ imereacha’ fein maille ruit fein, agus do ghna gheabh thu thu fein. Tionda’ thu fein amuigh, tionda’ thu fein annad fein, agus gheabh thu crois anns na nitheibh so uile: agus is eigin dhuit anns gach uile aite foighidin ghlaca’, ma’s aill leat sio-chainte bhith agad, o’n taobh-stigh, agus an crun mairreanach thoiltin dhuit fein. Ma ghiulanas tu an cran-ceusai’ go toileach, giulanai’ agus treoruichi’ se thu chum na crioch thogairte, eadhon, far an tig crioch air fulanas; ghe nach tig e ann so air. Ma ghiulanas tu chrois dhaineoin, ni thu eullach dhuit fein, agus antromaichi’ si thu na’s moa, agus ghidhea’ is eigin dhuit a fulana’. Ma chuireas tu dhiot aon chrois, gan teagamh air bith, gheabh thu te eile, agus theagamh moran na’s truime. Bheil thu creidsin gu’n seachain thusa, an ni nach b’urra’ do dhuine basmhor air bith dol thaireis air? Co neach do na [TD 76] Naoimh bha riamh ’san t saoghal gan a chrois, agus a thriobloid? Oir ni robh Iosa Criosd ar Tighearna aon uair do bheatha sa, gan chragh-fulanais; nach b’eigin do Chriosd (deir an t Soisgeul) na nithe so fhulana’ agus dol asteach d’a ghloir se. Agus ciod e doigh, air an iarr thusa slighe eile; ach an slighe rioghail so, an ni se, slighe na crois naoimh? Bu chrois agus martaireachd beatha uile Chriosd: agus am bheil thusa ’g iarra’ sioth, agus aoibhneas dhuit fein? Tha thu dol am mearachd, tha thu dol mearachd, ma dh iarras tu ni air bith eile, ach triobloidean fhulana’; chion gu bheil am bheatha bhasmhor so uile lan do thruaidheibh, agus cuairteichte le croiseibh. Agus mar is airde theid neach air adhairt ’na thriall sa, mar sin is truime go minic bhitheas na croisean air an tachairt riu; do bhri gu’m fas cragh a fhogair se, ann ciomeas ri ghradh sa. Ghidhea’ ni bheil an duine so, a’ta mar so, air iomad achd air a chragha’, gan bheagan solais; chion gur aithne dha, an tora’ mor a’ta teachd amach dha, tre giulana’ a chrios se; oir an uair tha se go toileach ag geillea’ di, iompaichir eullach uile na triobloid, chum duil chinteach an t solais dhiadhai’. Agus mhead ’s a chumar an fheoil ann iochdar tre cragh, mar is moa le sin neurtuichir an spiorad le gras o’n leath-steach. Agus air uairean cofurtuichear e go anabar, le tlas na triobloid agus eas-cairdeas, tre gradh bhith co-chumta ri crois Chriosd, ionnas agus nach b’aill leis bhith gan chragh eigin agus triobloid: do bhri gu bheil an leathaid so do neach ’g a chreidsin fein, bhith na’s taitneiche do Dhia; mar as moa bhitheas e comasach, an tuille, agus nithe na’s truime ghiulana’ airson Dea. Ach cha’n e so neart an duine, ach gras Chriosd a’ta coma- [TD 77] sach, agus ag deanamh na uraid ’san fheoil lag: ionnas, agus an ni d’am bheil fuath aice, agus o bheil i teichea’ go nadarail, gu gabh si nois fo laimh, agus fos gradh thoirt dha le durachdachd spioraid. Cha’n ’eil e reir toil an duine an chrois imereacha’, gradh thoirt do’n chrois, an corp smachdacha’ agus thoirt fo gheillea’, teichea’ o onoireibh, na tairean ghiulana’ go deonach, mi-mheas dheanamh air fein, ionnas agus gu b’aill leis e fein, bhith air a tharchuisneacha’: gach uile amharra fhulana’, gach call ghiulana’, agus gan ni soirbheis mhiannacha’ ’san t saoghal so. Ach ma sheallas tu ort fein, ni ’n urra’ dhuit, dhiot fein dad do so dheanamh. Ach ma dh earbas tu ’san Tighearna, bheirir comas dhuit o neamh, agus cuirir fo do smachd araon an saoghal agus an fheoil. Agus ni mo ghabhas tu eagal as do namhaid an Diabhol; ma ’se agus gu’m bith thu armaichte le creideamh, agus cotharuichte le crois Chriosd. Uime sin, cuir thu fein, mar sheirbheasach math agus fireanach Chriosd, chum cran-ceusai’ do Thighearna sa ghiulana’ go fearoil, an ti cheusa’ tre gradh dhuit se. Deasaich thu fein chum moran amharran, agus ioma nithe neo-ghaorasach dhuit ghiulana’ ’sam bheatha thrua’ so. Oir air an doigh so fein, bithi’ do chor, ciod air bith aite ’sam bith thu; agus ’san mar so go deimhin gheabh thu e, cia b’ e air bith aite ’san foluich thu thu fein. Is eigin d’an chuis bhith mar so, agus ni bheil leigheas air triobloid, agus cragh nan olc sheachna’, ach amhain gu ’m bith thu ’g an fulana’ le foighidin. Oil cupan an Tighearna go togarach, ma’s mian leat bhith ’na do charaid dha, agus pairt bhith agad maille ris. Fag na solasan aige Dia, chum gu deanae’ se riusan mar is fearr a thoileicheas sin e. Ach [TD 78] thusa go deimhin, suidheich thu fein chum amharran fhulana’, agus meas iad mar sholasan mor; do bhri, nach ’eil fulanasa na aimsir so, coifhiuntach chum na gloir re thighin thoiltin; eadhon, ghe gu’m b’ urra’ dhuit an t iomlan ghiulana’. An uair thig thu am fad so, agus gu’m bheil an triobloid cubhrui’ dhuit, agus mileis airson Chriosd, saoil ann sin, gu bheil an gnothach go ceart agad; chion gu ’n tuair thu pharais air thalamh. Co fad agus ata, bhith ag fulana’ trom dhuit, agus ata thu ’g iarra’ teichea’ uaidhe, co fad sin bhitheas do ghnothach go olc agad, agus leanas an t amharr thu, o ’m bheil thu teichea’ anns gach uile aite. Ma shuidheicheas tu thu fein, chum an ni bu choir dhuit, ’se sin chum fulana’ agus basacha’ dhuit fein, bithi’ chuis go grad na’s fearr agad, agus gheabh thu sio-chainte. Sea’, ghe gu’n togar thu suas gus an treas neamh maille ri Pol, cha ’n ’eil thu le sin, ann dion o gach amharr fhulana’. Oir nochdai’ mise dha (deir se Iosa) cia mead na nithe a ’s eigin da fhulana’ air sga m’ ainmse. Uime sin, ’se bhith fulana’ a ’ta featha’ ort, ma’s toigh leat Iosa, agus ma ’s toil leat seirbheas bith-bhuan dheanamh dha. Gu ’n tuga Dia dhuit, gu bithea’ tu toilteneach air beagan fhulana’ air sga ainm Iosa; cia mead an gloir bhithea’ featha ortsa; cia mor an gairdeachas bhithea’ ann sin, do Naoimh uile Dhea, agus cia mor an togail suas, bhithea’ ann do d’ choimhearsnach? Tha gach uile neach ag molla’ na foighidin, ach mo thruaidhe! cia tearc ata iad, leis am mian bhith ag fulana’? Gan amharas bu choir dhuit bhith lan toileichte beagan fhulana’ air sga Chriosd, an uair is ro lionor iad a’ ta fulana’ nithe moran na ’s truime airson an t saoghail. [TD 79] Is aithne dhuit gan teagamh, gur eigin dhuit bheatha bhasmhor chaithea’ ann so. Agus mar a’s moa bhasaicheas neach dha fein, mar a ’s moa thoiseicheas e air bhith beo do Dhia. Cha ’n ’eil aon neach iomchui’ air nitheibh neamhail thuigsin, mar do chuir se e fein fo smachd, amharra ghiulana’ airson Chriosd. Cha ’n ’eil ni na ’s taitneiche do Dhia, no ni na ’s fallaine dhuit fein san t saoghal so, na bhith ag fulana’ go toileach air sga Chriosd. Agus na bithea’ se re thaogha’ dhuit, bu choir dhuit mhiannacha’ na b’ fhearr croisean fhulana’ airson Chriosd, na bhith air d’ athnuathacha’ le solasaibh; bhri gu ’m bithea’ tu na bu choslaiche ri Criosd, agus na bu mhoa reir dreach nan Naomh. Oir cha ’n ’eil ar toilteneas sa, agus fas ar sdaid se, ag seasamh ann moran shuaimhneasa, agus solasan; ach na ’s tocha, ann giulana’ thriobloidean agus antromacha mor. Go deimhin, na bithea’ ni air bith eile ann, na b’ fhearr agus na b’ fheamaiche chum daoine, na fulanas: nochda’ Criosd sin gan teagamh, araon le fhocul agus eiseamlair se. Oir ata Criosd go soilleir ’g earala’ air a luchd-leanmhuin fein, agus a dheisciobuileibh, agus air gach uile neach d’ am mian eisean leantuin, chum giulana’ na crois, ag ra’; ma ’s aill le neach air bith teachd a m’ dheidh se, aich-sheuna’ se e fein, agus toga’ e chran-cheusai’ gach la, agus leana’ e mise. Ionnas agus, air dhuinne gach uile leabha’ agus ransucha’ mach dheanamh; gu b’ e so codhuna deireanach; gur an tre ioma triobloid, is eigin duinne dol asteach gu rioghachd Dea. (Deir an t Apstol Pol.) CRIOCH AN DARA LEABHAIR. [TD 80] LEANMHUIN CHRIOSD. LEABHAR III. CAIB. I. Air Labhairt Chriosd o Leath-asteach. CLUINEAM, ciod a’ta Tighearna Dia ag labhara’, annam. Is beannaichte an t anam a ’ta cluintin an Tighearna annsa; agus tha gabhail focuil an t solais o bheul sa. Is beannaichte na cluasan a ’ta gabhail cuislean an fhir-chogair dhiadhai’, agus noch ’eil ag toirt dad an aire do chograibh an t saoghail so; sona na cluasan go deimhin a ’ta g eisdeachd na firinn fein ag teagasga’ o ’n leath-steach, agus nach ’eil toirt cluas do ’n ghu’ fhuaimneach o taobh-amuigh. Is beannaichte na suilean sin a ’ta duinte do na nitheibh amach, agus a’ta faicileach air na nitheibh asteach. Is beannaichte iadsan, a lear-thuigeas na nithe o’n leath-steach, agus a ni dicheall ’g an deasacha’ fein’ an tuille is an tuille tre cleachdan lathail, chum rigsin air na diamhaireibh neamhail. Is beannaichte iadsan, a ’ta sirea’ go dian, an aire iomlan bhith air Dia, agus a ’ta ’g an rusga’ fein de gach baca saoghalta. Thug an aire air so, o m’ anam! agus duin dorsan d’ fheolmhorachd sa; chum agus gu feud thu chluintin, ciod a ’ta Tighearna do Dhia ag ra’ annad. [TD 81] ’Se so a deir do ghaolach sa; Is mise do shlainte, do shio-chainte, agus do bheatha sa. Cum thu fein maille rium, agus gheabh thu sio-chainte. Leig dhiot na nithe aimsireal, agus iarr na nithe siorrui’: ciod iad na nithe aimsireal uile, ach gealgoireachd? Agus ciod am feam a ni gach ni cruthaichte dhuit, ma ’se gu treigear thu leis an Chruthadair. Tilig dhiot uime sin, gach ni talmhui, agus dean thu fein taitneach, agus fireanach do d’ Chruthadair se, chum agus gur urra’ dhuit, fior shonas thuigsin go maith. CAIB. II. Air ciod, a’ta ’n Fhirinn ag Labhara’ Annaine gan Fharum Bhriathran. LABHAIR o Thighearna! chion gu bheil d’ oglaoch ag cluintin. Is mise do sheirbheasach, thoir dhamh tuigse; chum gu gabhuin eolas air do statuineibh se (no, d’fhiannuiseibhse), aom mo chridhe chum briathran do bheoil. Srutha’ do chiante mar bhla. Do labhair cloine Israel o shean ri Maoise; ag ra’; Labhair thusa riunn sa, agus cluini’ sinne. Na labhairea’ an Tighearna riunn, air eagal gu basaich sinn. Cha’n ann mar so, Thighearna, cha ’n ann mar so ata mi guidhea’, ach ann aite sin, griosam ort go durachdach, agus go iriseal, maille ris an Fhaidhe Samuel (ag ra): Labhair Thighearna, do bhri, gu bheil d’ sheirbheasach ag cluintin. Na labhairea’ Maoise, no aon air bith-do na Faidheibh riumsa, ach gu’m b’ fhearr, gu’n labhairea’ tusa Thighearna Dhia, deachdoir, agus foilseachoir nan uile Fhaidhean: oir tha e lan comasach dhuit se, as an eagmhais se, mise theagasga’ go maith; ach cha’n urra’ dhoibh se, feam air bith dheanamh dhamh, as d’ eagmhais se. [TD 82] Feudae’ siad go deimhin, fuaim chuir leis na foculaibh, ach ni toir iad an spiorad. Labhairi’ siad go deas, ach, air dhuit bhith do thosd, cha las iad an cridhe. Bheir iad am marmh litir seachad, ach ata thusa ag fosgala’ na tuigsin: tha iad ag innsea’ na diamhairean, ach ata thusa fosgala’ ciall nan nithe cotharaichte sin: tha iad ag innsea’ na h aitheantan, ach is tusa bheir neart chum an coimhead sa: tha iad ag taisbeana ’an t slighe; ach is tusa tha toirt comas chum gluasa’ air: tha iadsan amhain re saothair o ’n leath-amuigh, ach is tusa, tha teagasga’ agus ag soilleireacha’ nan cridheacha’: tha iadsan o ’n leath-mach ag uisgeacha’, ach is tusa tha tabhairt an teachd-amach: tha iad ag glaothaich le briathraibh, ach is tusa tha tabhairt tuigse do ’n eisdeachd. Air an abhar sin, na labhairea’ Maoise riumsa, ach thusa, o Thighearna mo Dhia sa an fhirinn shiorrui’! air eagal gu’m basaich mi, agus gu feuchar mi gan tora’: ma ’se agus nach bith mi, ach amhain air mo chomhairleacha’ o’n leath-amuigh; agus ni ’n ann air mo lasa’ o’n taobh-stigh; air eagal gu’m bith am focul a chuala mi, agus nach do choilion mi, a b’ aithne dhamh, agus nach do ghradhaich mi, a chreid mi, agus nach do choimhead mi, chum breathanais dhamhsa. Air an abhar sin, labhair o Thighearna! do bhri gu bheil do sheirbheasach ag cluintin; oir is ’san agad sa tha briathra na beathai shiorrui’. Labhair rium, chum solas eigin do m’ anam sa, agus gu leasacha’ mo bheathai se uile; agus dhuit se, chum molla’ agus gloir, agus chum urram bith-bhuan. [TD 83] CAIB. III. Gu bheil Focuil Dea re ’m bhith air an eisdeachd maille ri Irisealachd; agus gur lionor Iadsan nach ’eil ’g an co’-romacha’ sa. EISD mo bhriathairean, mhic, briathairean ro mhileis, a’ta dol go fad thaireis air ionsacha’ uile nam Mian-eolasoir agus daoine glioc an ’t saoghail. ’Se spiorad agus beatha mo bhriathran sa, agus ni ’m bheil iad, re bhith air am measa’ tre tuigsin an duine. Ni robh iad air an tarruinea’ chum tlachd diamhaoin, ach gu bhith air an eisdeachd ann ciuineas, agus air an gabhail le gach irisealachd, agus mor ghradh. Agus thuairt mise, gur beannaichte an duine a dh ionsaicheas tu o Thighearna! agus d’ an teagaisg thu do lagh; chum agus gu ’n tugae’ tu dha socair, o na lathaibh olc, agus gu ’m bithea’ se ’na aonranach air an talamh. Theagaisg mise, deir an Tighearna, na Faidhean o thoiseach, agus gus so, ni bheil mis’ ag sgurachd labhara’ ris gach aon. Ach ata moran sluaigh bothar do ’m ghuth, agus cruai’ ann cridhe. Is aill leis chuid is moa dhiu, an saoghal eisdeachd na ’s toileichte na Dia: is usa leo na ’s luaidhe mian am feola fein leantuin, na gean-math Dhea. Tha ’n saoghal ag gealtuin nithe aimsireal agus beag, agus deanar seirbheas dha le dian-thogar; tha Mise gealtuin na nithe ro ard agus mairreanach, agus ni gluaisear cridhe nan daoine. Co neach a’ta re fhaotuin, ag deanamh seirbheas, agus umhalachd dhamh sa ’sna nitheibh so uile, leis an churam mhor sin, leis an deanar e do ’n t saoghal, agus do thighearnaibh se? Bithea’ naire ort shidoin, deir am mhuir. Agus ma dh [TD 84] iarras tu an t abhar, cluin carson. Airson beolaint, bheag, is fad an slighe a ruithear; airson na beathai shuthuin, is gann thogar cos le moran aon uair o ’n talamh. Sirear cosain shuarach, agus iomad uair airson aon phighin, nitear tuasaid narach; agus airson gealla beag agus rud faoine, ni gabhar eagal trom-shaothair dheanamh re oiche is la. Ach, mo thruaidhe! ni ’n aill leo an ’t shaothair is lugha ghabhail fo laimh, airson mhaith neo-chaochlaideich, airson tuais do-labhairte, airson an onoir is airde, agus an gloir gan chrioch. Uime sin, bithea’ naire ort sheirbheasaich leisg, a’ta go grad air gearan dheanamh, air faicin dhuit, gu bheil iadsan eile na ’s deise, chum saothair dheanamh na ’s luaidhe gu bas, na thu thusa chum na beathai. Tha tuille gairdeachais ortsa ann deidh na diamhaoineis, na ’ta ortsa ann deidh na firinn. Go deimhin tha iadsan air uairean, air am mealla ’n an dochas: ach cha mheall mo gheall sa neach air bith, ni moa chuireas mi air falbh fallamh an neach a’ta ’g earbsa’ annam; An ni gheall mise, bheir mi seachad e; an ni thuairt mise, coilionai’ mi e; ma ’se agus gu fan neach air bith fireanach, gus an chrioch ann mo ghradh sa. Gur mise fear-duais nan uile mhath, agus dearbhoir laidir nan daoine crabhach uile. Sgriobh mo bhriathairean ann do chridhe, agus smuaineich orra go dicheallach. Oir bithi’ siad ro fheamail dhuit ann am na buairei’; oir an ni nach ’eil thu tuigsin; ann uair a’ta thu leabha’, gabhai’ tu eolas air, ann la na fiosrachai’. Is gnathach leam air da sheol, mo dhream thaoite se fheuchuin, eadhon le buairea’ agus le solas. Agus leabham da theagasg dhoibh, gach uile la; aon diu, chum cronnacha’ an uilc, an aon ’eil chum earala’ gu meadachd nan subhailce. An ti aige ’m bheil mo [TD 85] bhriathran sa, agus a’ta deanamh tair orra: tha ni sin aige, a bheir breathanas airse, ’san la dheireanach. Urnuidh, chum Gras an Chraibh iarra’. O THIGHEARNA mo Dhia! is tu m’ uile mhath; agus creud e mise, gu bithea’ chridhe agam labhairt ruit. Is mise d’ oglaoch ro bhochd, agus an cnuimh beag suarach, moran na’s truaidhe agus na’s tarchuisneiche, na na’s aithne’ dhamh, agus na bheil chridhe agam a ra’. Ach ghidhea’, Thighearna! cuimhneich, gur neo-ni mi, nach ’eil dad agam, agus nach urra’ dhamh ni air bith dheanamh. Is tusa amhain ata math, ceart, agus naomh; is tu, is urra’ gach ni dheanamh, is tu tha toirt gach ni, is tu tha liona’ gach uile, ag fagail am pheacoir ’na aonar fallamh. Cuimhneich air do threocaireibh caomhsa, agus lion mo chridhe le do ghras, thusa leis nach aill d’ oibre bhith fallamh. Cia-mar is urra’ mi, mi fein ghiulana’ ’sam bheatha aineiseach so, mar cofurtaich do threocair agus do gras mi? Na atharraich do ghnuis se uam; na cuir sinea’ na’s faide ann d’ fhiosrachd, na tarruin do chofurtachd sa, air eagal gu fas m’ anam sa, amhuil mar fhonn gan uisge dhuit. O Thighearna, teagaisg dhamh do thoilse dheanamh: teagaisg dhamh mo bheatha sa chaithea’ ann do lathair go fiuntach agus iriseal: bhri gur tu mo ghliocas, d’ an aithne mi ann firinn: agus b’ aithne dhuit mi, ma’s d’ rinnear an saoghal, agus ma’s d’ ruga’ mi fein san t saoghal. [TD 86] CAIB. IV. Gur coir dhuinne imeachd ann Firinn agus Iriseulachd. IMEICH ann mo larhair mhic, ann firinn, agus iarr mise do ghna ann neo-gheilg do chridhe. An ti ’ta ’g imeachd ann mo lathair ann firinn, dionar e o na tachairteibh olc, agus saorai’ ’n fhirinn e o mhealtoireibh, agus cul-chainte nan daoi’. Ma ’se gu’n saor an fhirinn thu; bithi’ tu saor do rirea’, agus ni gabh thu suim de bhriathran faoine nan daoine. O Thighearna! tha so fior, mar ata thu ’g ra’; amhuil sin, guidheam ort, bithea’ se deanta dhamh sa’. Teagasgae’ d’ fhirinn mi, coimheadae’ ’n fhirinn sin mi, agus cleathae’ si mi, gus an tig mi gu crioch shona. Saora’ an fhirinn cheudna mi o gach uile togar olc, agus gaol aincneasta, agus imeichi’ mi maille ruit ann fuasgal mor chridhe. Teagaisgi’ mise (deirse ’n fhirinn) dhuit se na nithe ’ta ceart, agus taitneach ann m’ fhianuis se. Seall air do pheacaibh se le mio-thoileachas mor, agus trom mhulad; agus na meas go brach, gur ni air bith thu, airson do dheagh ghniomharaibh se. Go deimhin is peacoir thu, a’ta ceangailte agus buailteach le iomad droch-fhulan. Dhiot fein tha thu sinea’ do ghna chum neo-ni; is grad tha thu tuiteam, is grad bhuadhaichir thu, is grad bhuairir thu, agus is grad leighear thu. Ni bheil ni air bhith agad chum gloir dheanamh as, ach iomad ni, leis an coir dhuit thu fein dheanamh suarach: oir tha thu, na ’s laige go mor na ’s urra’ dhuit thuigsin. Na faicear leat mor, aon ni air bith, do dheanar leat. Na measar leat, ni air bith mor, ni air bith [TD 87] luach-mhor, ni air bith iongantach, ni air bith toilteneach air cliu, ni air bith ard, ni air bith go deimhin re mholla’ no re mhiannacha’; ach an ni a’ta siorrui’. Bithea’ ’n fhirinn shiorrui’ taitneach dhuit, os-chion gach aon ni; agus bithea’ do shuarachas fein do ghna mio-thaitneach dhuit. Na gabh eagal as ni air bith go mor, na cronnaich, agus na gabh oilt a ni air bith go mor, is as do pheacaibh, agus d’ olcaibh fein; an ni bu choir, bhith na bu mhio-thaitneiche dhuit; na call gach aon ni. Tha cuid, gan amharas, nach ’eil ’g imeachd ann mo lathair se dh aon ghnothach, ach a’ta air an treorucha’ le ’n gean-fhiosrach arai’ fein agus an uabhar, ag togara’ mo dhiamhairean thuigsin, agus eolas ghabhail air nitheibh ard Dhea, ’g an dio-chuimhneacha’ fein agus an slainte. Is minic tha iadsan ag tuiteam, air son an uabhair, agus an gean-fhiosraich, ann mor bhuaireibh agus peacaibh, air dhamh sa, bhith ’nan aghai se. Bithea’ eagal ort as breathanas Dea agus gabh oilt as corruich an uile chumhachdaich; na dean ransach ann obair an ti is airde, ach sir amach do easaontasa fein, agus cia mead anns na pheaccaich thu, agus cia lionnor na nithe dhearmad thu. Tha cuid dhaoine giulana’ crabh amhain ’n an leabhraicheibh, cuid ann iomhaigheibh agus cuid eile ann cotharaibh, agus ann fioghoireibh; cuid eile, aige ’m bheil mise ’n am beul, ach beag ’n an cridhe se. Tha luchd eile ann, a’ta air an soilleireacha’ ’n an tuigse agus air an glana’ ’n an tograibh se, a’ta tarruin an anail do ghna, ann deidh nan nithe neamhail, agus mio-thoileichte air na nitheibh talmhui’ chluintin, agus a’ta fo bhron le bhith fo smachd do imerteasaibh na beathai so, no’n naduir, agus tha iadsan ag mothacha’, ciod ata spiorad na firinn ag ra’ riu. . [TD 88] Chion gu bheil e ’g an teagasga’ sa, tair dheanamh air na nitheibh talmhui’, agus gradh thoirt do na nitheibh neamhail; dearmad dheanamh air an t saoghal, agus flathanas mhiannacha’ gach uile la, agus oiche. CAIB. V. Air Tora’ Iongantach an Ghraidh Dhiadhai’. BEANNACHAM thu o Athair neamhail, Athair mo Thighearna Iosa Chriosd, chion gu’n do deonaich thu bhith ag cuimhneacha’ ormsa’, a’ta ’n am thruadhan bochd! O Athair nan trocair, agus Dhea gach uile solais, bheiream buidheachas dhuit, a’ta air uairean ’g am’ anuadhacha’ le solas, a’ta mio-thoilteneach air cofurtachd air bith! Beannacham thu do ghna agus bheiream gloir dhuit fos, maille ri d’aon Mhac ginte fein, agus an Spiorad Naomh an Cofurtoir, gu saoghal nan saoghal. O Thighearna Dhea! mo ghraidheor naomhsa, ’n uair thig thu gu mo chridhe, ni gach ni taobh-stigh dhim luaghairdeachas. Is tu mo gloir agus aoibhneas mo chridhe. Is tu m’ earbs, agus mo dhion ann la mo thriobloid se. Ach chion gu bheil mi fosd lag ann gradh, agus ann subhailce neo-iomlan: le sin tha mor fheam agam air mo neartucha’, agus air mo chofurtacha’ leatsan: air an abhar sin, fiosraich mi go tric, agus ionsaich dhamh d’ fholum naomh; saor mi o m’ fhulanaibh olc sa, agus slanaich mo chridhe o gach uile togar aincneasta, chum air dhamh bhith slanaichte ann cridhe, agus air mo ghlana’ go maith, gu’n deanar mi iomchui’ chum bhith ag gradhacha’, laidir chum bhith foighidineach, seasmhach chum bhith buanach. [TD 89] Is luach-mhor an ni an gradh, is mor am math e gan amharas, a’ta ’mhain ag deanamh gach ni aotrom a’ta trom, ag agus giulana’ maraon gach ni neo-ionnan do cheille. Oir tha e giulana’ na eullaich gan antromachd; agus ag deanamh gach ni searbh, araon mileis agus so-bhlasta. Tha gradh Iosa uasal agus onorach ag spara’ chum mor oibre dheanamh, agus ag dusga’ do ghna chum miannacha’ nan nithe is iomlaine. Is aill leis an ghradh bhith ’n uachdar, agus neo-cheangailte ri ni air bith iosal. Is mian leis an ghradh bhith saor, agus ’n a choigreach air gach ni talmhui, air eagal gu’m bacar a beachd o’n leath-steach, air eagal gu fulanai’ se dha fein dol fo cheangalaibh tre gaorras air bith aimsireal, no tuiteam sios fo challaibh. Cha’n’ eil ni na’s milse, ni na’s laidire, ni na’s airde, ni na’s farsaine, ni na’s aoibhneiche, ni na’s gloine, no ni na’s fearr air neamh, no air thalamh na gradh: do bhri gu ginear an gradh o Dhia; ach ni ’n urra’ dha tamh ghabhail air ni cruthaichte air bith, ach ann Dia ’mhain. Tha ’m fear-gaoil ag itealacha’, ag ruithea’, agus re gairdeachas; tha e fuasgailte agus ni cumar e; bheir e t iomlan seachad airson an iomlain, agus tha t iomlan aige ’san iomlan; bhri gu bheil e gabhail tamh ’san ard mhath thar gach ni, o bheil gach math ag tighin agus ag srutha’. Ni seall e air na sochaireibh, ach tiondai’ se e fein ionsui’ an fhir-thabhairt’ oscion gach ni. Ni ’n aithne do ghradh go minic tomhas air bith, ach lasai’ se suas oscion gach tomhas; cha mhothaich an gradh eullach, cha mheas e saothair air bith; ach b’aill leis tuille dheanamh, na’s urra’ dha; cha dean e gearan ma dho-dheanatas, chion gu’n saoilear leis gach uile ni bhith comasach agus so-dheanta dha. Uime sin, tha e comasach chum gach ni, agus tha e deanamh, [TD 90] agus ag toirt moran gu crioch; far nach ’eil am fear-gaoil ag fanacha’ na laidhea’ sios. Tha ’n gradh re fairea’, agus ag cadala’, ni cadal da, air sgiothacha’, ni sgiothachar e, air a theannacha’ ni teannachar e: ach mar lasair bheo agus mar chaineal air theine, direichi’ se suas, agus go dionach theid e troimhe gach ni. Cia b’e sam bith aige bheil gradh, is aithne dha ciod a’ta ghuth sa ag glaothaich. ’Se glaoth ard ann cluasaibh Dhea tlas lasta ’n anaim, a deir: mo Dhia, mo graidheor, is tu m’ iomlan, agus is leatsa mise go iomlan. Meadaich mi ann gradh, chum agus gu’n ionsaichin bhlasa’ le beul a chridhe o’n leath-steach, cia mileis a’ta e, bhith ag gradhacha’ agus ag leagha’ agus ag snamha’ san ghradh. Bithim air mo chumail le gradh, dol thaireis orm tre teasmhorachd agus iongantas. Seineam oran graidh, leanaem thusa mo ghaolach chum an airde, caillea’ m’ anam e fein ’na do mholla, re mor aoibhneas ann gradh; tugaem gradh dhuit na’s moa na dhamh fein, agus dhamh fein, airson do sga sa, agus do gach aon annad, aige bheil do rirea’ gradh dhuit, mar a’ta lagh ghraidh ag foilseacha’ uaidhe agus ag aithne. Tha ’n gradh luath, fireanach, crabhach taitneach agus tlachd-mhor; laidir, foighidineach, dileas, glioc, fad-fhulanach, agus fearoil, gan bhith ’g a iarra’ fein am feasd: oir far am bheil neach air bith ’g a shirea’ fein, ann sin, tha e tuiteam o ghradh. Tha ’n gradh faicileach, iriseal agus tre-dhireach, gan bhith min no aotrom, neo-shuidheichte air nitheibh diamhaoin; ach tha e measarrach, geamnui’, seasmhach, samhach, ag cumail coimhead air na ceadfathaibh uile. Tha ’n gradh fo smachd, umhal do uachdaranaibh, suarach [TD 91] agus fo thair aige fein, crabhach agus taingeolach do Dhia, ag earbsa’, agus ag cuirea’ a dhochas do ghna annsa, eadhon an uair ’snach ’eil Dia toirt blas a chubhruidheachd dha, bhri nach tigear beo ann gradh gan bhron eigin agus piana. An ti nach ’eil deas chum gach ni fhulana’, agus chum seasamh ri toil an fhir-ghaoil, cha ’n fhiu e gu gairmear graidheor dhe. Is eigin do’n fhear-ghaoil gach ni cruaidh agus searbh ghlaca fo laimh go toileach, air sga ’n fhir-ghaoil; agus gan e fein fhulana’ claona’ uaidhe go brach, airson ni air bith tachairte, a ’s urra’ teachd ’san t slighe ann aghai’ sin. CAIB. VI. Air Dearbha’ an Ghraidheor Fhireanaich. MHIC, cha’n ’eil thu fhasda mar ghaidheor laidir glioc. Carson Thighearna? Do bhri gu bheil thu tuiteam o’n ni ghlac thu fo laimh, airson beagan do-shoirbheas, agus gu bheil thu go ro gheanach ag iarra’ solais. Tha ’n graidheor foghainteach ag seasamh ann buaireibh, ni creid e comhairlean cealgach an namhaid. Mar a’ta mi ’g a thoileacha’ ann ’sna nitheibh aghor, ni mo, mhio-thoilaicheas mi e, ’n uair chuireas mi an t amharr uige. Cha seall an graidheor eolach go mor air tiolaca an ghaolaich, agus ni se air gradh an fhir-thabhairt. Tha e toirt a ghean-math an tuille fanaire, na tha e measa’ an luach; agus ag cuirea’ ghraidheor oscion a thiolachdan uile. Ni gabh an ghraidheor onorach tamh ’san tiolaca, ach annamsa os-chion gach tiolaca. Uime sin ni bheil an t iomlan cailte, ghe nach mothaich thu air [TD 92] uairean, na uraid do bheo-chrabh ma m’ thimcheall sa, agus ma thimcheall mo Naoimhse; agus a b’ aill leat bhith agad. ’Se ’n tlas math agus blasta sin a’ta thu mothacha’ air uairean, tora’ ghrais a’ta lathair, agus roi-bhlas eigin air do dhuthaich neamhailse: cha choir mor earbs chuir air so; chion gu bheil e dol, is tighin. Ach cath dheanamh ann aghai’ na droch-ghluasan ag eireagh ’san anam, agus tair dheanmh air cograibh an Diabhoil, ’se sin cothar na subhailce agus an toilteneas mhoir. Uime sin na leig le saoilsin air bith coigreach, do chuirea’ fo bhuairea, ciod air bith stugh d’am bheil an rud a bheirear ann cogar dhuit. Seasamh go duineal ris an ni chuir thu romhad, agus ri do run direach ri Dia. Ni mo is mealtoireachd e, gu bheil thu air uairean, air do chuirea’ ann neal, agus air ball gu’m pillea’ tu aris, chum aimideachd gnachaichte do chridhe fein. Oir tha thu na’s tocha fulana’ na nithe sin ann aghai’ do thoil se, na tha thu ’g an deanamh; agus go fada, agus tha siad mio-thoileichte dhuit, agus tha thu ’g an diulta’, is moa an toilteneas, na call e. Bithea’ fios agad, gu bheil an sean namhaid re uile dhicheall sa, chum do mhian sa gu math bhaca’, agus chum do tharruin ’o gach uile gnathachd diadhai; eadhon o urram nan Naomh, o chuimhneachan crabach m’ fhulanais se, o ath-smuainte feamail nan peacca, o choimhead air do chridhe arai’ fein, agus o do run suidheichte, chum fasa’ ann subhailce. Tha eisean ag togail iomad smuainte olc dhuit, chum gu dean e sgioth thu, agus gu cuir e eagal ort, agus gu’n smeid e thu o’n urnuidh agus an leabha’ naomh. Tha se ’g oilteacha’ as an aidmheal iriseal, agus na b’ urra’ dha, bheirea’ se ort an commanach leigeal dhiot. Na creid e, agus na [TD 93] gabh suim dhe; ghe gu chuirea’ se a luban mealtach go tric ann do lathair. Cuir as a leath e, ’n uair chogaireas e dhuit nithe olc agus neo-ghlan; agus abair ris, tur as a spiorad neo-ghlan; bithea’ naire ort dhaoidhear shalaich; is eigin dhuit bhith salach do rirea’ a chuirea’ leathaid so na m’ chuasaibh. Imeich uam mhealtoir is measa, ni bith cuid air bith agad annam sa; ach bithi’ Iosa maille rium, mar m’ fhear-cath laidir, agus seasai’ tu fo naire; is aill leam basacha’ agus gach piana fhulana’ na geillea’ leatsa. Bith do thosd, agus cum do beul, ni cluin mi thu ni’s mo; ghe gu deanae’ tu spairn gu dragh chuir orm go trice. ’Se ’n Tighearna mo shollus agus mo shlainte: co as ghabhas mi eagal? ma ’se gu ’n eireich sloigh le cheille m’ aghai’ se, ni failig mo chridhe mi. Se ’n Tighearna m’ fhear-cuideich agus m’ fhear-saorai’. Cuir cath mar shaighdear math, agus ma thuiteas tu air uairean tre anmhunnachd; eireich aris le tuille neirt na bh’ agad’ roi, ’g earba’ ann mo gras sa na ’s pailte, agus gabh mor eagal roi tlachd agus uabhar, tre so is lionor iad a’ta air an tarruinea’ gu mearachd, agus a’ta air uairean ag tuiteam ann doille, cha mhor do-leiste: Bithea’ tuiteam nan uaibheach so, a’ta gabhail orra fein go gorach; mar dhion agus mar rabha dhuit se, chum do chumail do ghna iriseal. CAIB. VII. Air Folacha’ an Ghrais fo Choimhead na Irisealachd. MHIC, tha e na’s feamaile, agus na’s dionaiche dhuit, gras an chraibh fholacha’, na bhith air do thogail suas leis, na bhith ag labhara’ moran ma thimcheall, [TD 94] agus fos na bhith g’ a mhor mheasa’: ach gu’m b’ fhearr dhuit an tuille tair dheanamh ort fein, agus eagal ghabhail as, mar ni nach fhiach thu fhaotuin. Cha choir cuideam mor chuirea’ air an tlas so, a dfheudas caochla’ go grad ionsui’ ni eile. An t am a’ta gras agad, smuaineich cia bochd, agus truadh, is gnathach leat bhith gan ghras. Cha’n ’eil fas na beathai spioradalta go mor anns an ni so, ’n uair a’ta gras an t solais agad, agus thu e ann, ’n uair ghiulanas tu a dhiobairtse go irisealach, go foighidineach, agus le fein aich-’euna’; ionnas agus nach fas thu rag ann cleachda na urnuidh, nach leig thu dhiot go iomlan d’ oibre eile uile, bu ghnathach leat dheanamh: ach gu deanae ’tu gach ni mar is fearr is urra’ dhuit dheanamh, agus go toileach; co fad is thuigeas tu, rier do chomais; agus nach dio-chuimhneich thu go iomlan thu fein, airson tirimeachd no an-churam inntin a dfheudas tu mhothacha’. Tha moran do shluagh ann, a’ta fasa’ air ball araon mio-fhoighidineach, agus mi-fhireanach an uair nach soirbheichear leo, gach ni mar b’aill leo. Oir cha’n ’eil slighe ’n duine do ghna na chomas fein; ach buini’ se do Dhia bhith ag buileacha’ agus ag toirt solais, an uair is aill leis, agus mhead is aill leis, agus do’n ti ’s aill leis, ceart mar thoileicheas e fein; agus gan dad tuille. Mhill cuid dhaoine gan aire, iad fein, tre abhar grais na diadhaichd, chion gu’m b’aill leo tuille dheanamh na bha nan comas. Gan bhith ag co-’tromacha’ tomhais an laigse fein, ach na’s tocha leanachd fonn mor an chridhe na’s luaithe na breath an reasuin. Agus do bhri, gu’n do ghabh iad go dan fo laimh nithe na b’ airde, na bha taitneach do Dhia; air an abhar sin, chaill iad go eallamh a ghras sa. Rinnear iad bochd, agus dfhagar iad ’nan truadhain, a rinn nead dhoibh fein air neamh, [TD 95] chum air dhoibh bhith air an irisealacha’, agus air an deanamh bochd, gu’n ionsaich iad, gan bhith dol air itealach ’n an sgiathaibh fein; ach iad fein chuirea’ fo dhion mo sgiatha sa. An dream a’ta og-ealainte agus ain-eolach air slighe an Tighearna, is furasda dfheudas iad bhith air am mealla’, agus air an tiligea’ sios bonn thar cean, mar sdiur iad iad fein le comhairle an luchd-stuama. Ach ma ’se agus gur aill leo am breathanas fein leantuin na’s luaithe, na creideas thoirt dhoibhse eile a’ta na’s fiosraiche na iad fein; bithi’ an crioch ro chunnardach, ma ’se agus nach mian leo, am beachda arai’ fein leigeal dhiu. Oir is tearc dfhulaineas iadsan a’ta glioc nan suileibh fein, bhith air an sdiura’ go iriseal le luchd-eile. Is fearr eolas air beagan maille ri irisealachd, agus tuigsin lag, na ionmhasan mor an ionsachai’ mar ri fein-thaitneas faoin. Is fearr dhuit chuid is lugha bhith agad, na moran o’m feud thu fasa’ uaibhreach. Cha’n ’eil e deanamh go suairc na’s leoir, a’ta ’g a thoirt fein go iomlan gu aoibhneas, agus ag dio-chuimneacha’ eagail stuamaich an Tighearna, agus a bhochduin fein roi sin, a’ta gabhail eagail as an ghras sin challa’ a’ta air a thairgsin. Ni moa, tha e go subhailceach ro chrionta a’ta ’g a ghiulana’ fein go ro mhio-mhuingineach, ann am na do-shoirbheis, agus gach gne triobloid, agus a’ta araon ag mothacha’ agus ag glaca’ na’s lugha dh’ earbs anamsa na bu choir dha. An ti d’am b’aill bhith ro thearuinte ann am na sio-chainte, is tric gheabhar e, fo throm eagail agus air a thiligea’ sios ann am an chogai’. Na b’ aithne dhuit do ghna, fantuin annad fein beag agus iriseal; agus fos do spiorad sa chumail fo dheagh ordugh agus smachd; cha tuitea’ tu go grad ann ciont agus ann gabha. Is math chomhairle so, air dhuit spiorad na teasmhorachd [TD 96] ghlaca’, gu’n smuaineichea’ tu, cionnas theid an gnothach leat, air do’n t sollus d’ fhagail: agus an uair thachaireas so, cuimhneich gu’m feud an sollus aris piltin air-ais a tharruinear air falbh car tamul; araon chum gloir dhamhsa agus faicill dhuitse. Is feamalaiche go tric leathaid so dhearbha, na ghe gu’m bithea’ gach uile ni agad ag soirbheacha’ leat, do ghna reir do thoil. Oir ni bheil na toilteneasa re bhith air am measa’ o so; ma’ se gu bheil moran aislinean agus solasan aige neach air bith; no ma’ se, gu bheil e eolach air an sgrioptuir, no gu cuirear ann ard-inmhe e; ach o so, ma ’se agus gu bheil e suidheichte ann fior irisealachd, agus lionta le gradh diadhai’: ma’ se ’s, gu bheil e’ g iarra’ do ghna onoir Dhea go iomlan agus go glan; ma’ se ’s gu bheil e ’g a mheasa’ fein mar neo-ni, agus ann firinn ag deanamh tair air fein, agus fos gu bheil gairdeachas na’s moa aige, bhith air a chuirea’ fo thair agus air irisealacha’ le luchd-eile, na gu’m bithea’ e air onoracha’ leo. CAIB. VIII. Air Mheasa Shuarach ma Neach fein ann Sealla Dhea. LABHAIREAM ri mo Thighearna, ghe gur luath agus duslach mi: ma sheallas mi orm fein na’s airde; feuch a’ta thu seasamh ann m’ aghaise, agus mo pheacean ag toirt fianuis air an fhirinn, agus ni mo is urra’ mi ’g ra na aghai. Ach ma ni mi mi fein suarach, agus gu’n tilig mi uam gach meus arai’ air bith, agus ma measas mi mi fein mar dhuslach, amhuil mar a’ta mi do rirea’; bithi’ do gras iochd-mhor dhamh, agus bithi’ do shollus fogus do m’ chridhe, agus gach fein-mheas, do [TD 97] gach gne air bith, air a shluga’ sios ann glean mo neo-nitheachd fein, agus ann sin cailli’ se e fein go siorrui’. Ann sin feuchai’ tu dhamh mi fein, creud e mi fein; cionnas mar bha mi, agus ciod gus an tig mi; chion gur neo-ni mi, agus ni b’aithne dhamh e. Na’m fogar mi dhamh fein, feuch gur neo-ni, agus laigse uile mi; ach ma ’se agus gu’n seall thu go ubbuin orm, air ball deanar mi laidir, agus lionar mi le ur-ghairdeachas. Agus is iongantach e, gu’n togar mi mar sin go eallamh suas, agus gu glacar mi leat go caomhail, a’ta leam chuideam arai’ fein air m’ imereacha’ do ghna gu iochdar na eigin. ’Se do ghradh sa tha deanamh so, le bhith gabhail romham go saor, agus ’g am’ chuideacha’ ann eigineibh lionor, fos ’g am’ choimhidea’ sa o chunnardaibh trom; agus chum an firinn a’ ra, ’g am’ shaora’ o olcaibh lionor; oir tre gaol dona dhamh fein, chaill mi mi fein; agus tre d’ iarra’ sa ’mhain, agus do ghradhacha’ go glan; thuair mi mach araon mi fein is thusa, agus leis an ghradh so, chuir mi mi fein na’s moa gu neo-ni. Chion gu bheil thusa, o Thighearna ro bhlasta ag buintin rium thar gach toilteneas, agus thar gach ni, ’san urra’ mi dochas chuirea’ no iarra’. Gu’m beannaichte, gu’m bith thusa mo Dhia sa; oir ghe gu bheil mise neo-thoilteneach air gach uile math, ghidhea’ ni sguir d’ fheothas agus do phailteas air math dheanamh, eadhon do’n dream neo-thaingeol; agus dhoibh sin a’ta air an tionda’ uaite. Pill sinn ugad fein, chum gu bith sinn taingeol, iriseal, agus crabhach, do bhri; gur tusa ar tearmun, ar feart, agus ar neart sa. [TD 98] CAIB. IX. Tha Gach uile Ni re leigea’ ri Dia, mar ris an Chrioch Dheireanach. MHIC, is eigin dhamh bhith dhuitse mar do chrioch ard dheireanach sa; ma ’s aill leat bhith do rirea’ beannaichte; leis an run so glanair do speis se, a’ta go tric air a luba’ asteach ugad fein, agus ionsui’ nan creatoirean; oir ma ’se agus gu sir thu thu fein ann aon ni, air ball fannaichi’ tu annad fein, agus crianai’ tu as. Uime sin leig gach aon ni ugamsa, mar an ceud bunn, chion gur mise an ti, a thug seachad gach aon ni. Mar sin, seall air gach uile ni, mar gu ’m b’ an ag srutha’ mach o’n ard mhath; agus air an abhar sin, is eigin do gach uile ni piltin ugamsa, mar ionsui’ an toiseach fein. Assam sa, tha ’m beag agus am mor, am bochd is am beartach, mar as an tobar bheo, ag turruinea’ bheo uisge, agus iadsan tha deanamh seirbheas dhamh go saor agus dh aon toil; gheabh iad gras airson grais; ach an neach leis an mian gloir dheanamh an taobh-amuigh dhim, no ghabhas toileachas-inntin ann math araid air bith, mar a chuid fein, ni daingeichir e ann fior ghairdeachas, ni mo sgaoilir amach e ’na chride se: ach air ioma doigh, bacair agus cuirir fo spairn e. Uime sin, cha choir dhuit dad air bith do mhath chuirea’ as do leath fein, no as leath cumhachd duine air bith; ach thoir an ’t iomlan do Dhia; oir cha ’n ’eil neo-ni aige an duine gan eisean. Thug mise an ’t iomlan seachad, is aill leam an t iomlan bhith agam aris, agus le mor theana, [TD 99] tha mi ’g iarra’ buidheachas airson gach uile ni, tha mi toirt seachad. ’Si so’n fhirinn, leis am fuadaichear air falbh diomhaoineas na gloir, agus ma thig gras neamhail agus gradh fireanach asteach; cha bhith fearmad air bith ann sin, no cumhanas cridhe; ni mo bhitheas aite aige fein-ghradh ann; oir tha ’n gradh diadhai’ toirt buaidhe mach air gach uile ni, agus ag meadacha’ cumhachdan uile an anaim. Ma tha thu do rirea’ glioc, ni thu gairdeachas amhain annamsa, agus bithi’ dochas amhain agad annam; do bhri nach ’eil aon neach math, ach Dia ’mhain, a ’s coir bhith air a mholla’ oscion gach uile, agus air a bheannacha’ ’sna uile nitheibh. CAIB. X. Gur blasta Seirbheas dheanamh do Dhia, agus Tair dheanamh air an t Saoghal. ARIS, labhairi’ mi, o Thighearna, agus ni ’m bith mi tosdach: deiream ann eisdeachd mo Dhia, mo Thighearna, mo Riogh a’ta san airde. O cia mor, lionmhorachd do mhilseachd, Thighearna, a dfholuich thu do d’ luchd-eagail fein! Ach ciod tha thu dhoibh se, aige m’ bheil gradh dhuit; agus dhoibh se, a’ta re seirbheas dhuit le ’n uile chridhe? Go fireanach, tha milseachd do choi-shealla fein, a tha thu buileacha’ air luchd do ghraidh fein, do-labhairte; ’san so go araid thaisbein thu milseachd do ghraidh se dhamh; do bhri, ’n uair nach robh mi ann bith, rinn thu mi; agus an tra, chuaidh mi air seachran uaite, thug thu mi aris air m’ ais; chum gu deanuin seirbheas dhuit, agus dh aithne thu dhamh, gu’n tuguin gradh dhuit. [TD 100] O thobair an ghraidh bhith-bhuain! ciod their mi ma d’ thimcheall? Cia-mar is urra’ dhamh do dhio-chuimhneacha’ sa, leis am bu toil cuimhneacha’ ormsa, eadhon ann deidh dhamh bhith truailte agus cailte? Thaireis air gach earbs, rinn thu trocair ri d’ oglaoch, agus oscion gach toilteneas dfheuch thu gras agus cairdeas. Ciod bheiream dhuit airson an ghrais so? Oir ni tugar do gach aon neach an tiolaca, gach aon ni threigea’, agus cul chuirea’ ris an t saoghal, agus am bheatha mhanacharach raoineacha’. An urra’, gur mor an gnothach thusa riaracha’, d’am bheil an cruthacha’ uile ceangailte seirbheas dheanamh? Cha bu choir d’a so, bhith iongantach dhamh, gu deanuin seirbheas dhuit: ach ’se so, bu choir bhith, na bu tocha, araon mor, agus iongantach ri fhaicin, gu’n deonaichea’ tu mo leathaid do thruathan bochd agus mio-fhiuntach ghabhail chum do sheirbheas, agus eisean chuirea’ maraon maille ri do mhuintir ghaolach sa. Feuch is leatsa gach uile ni, a’ta agam, gu seirbheas dheanamh dhuit. Ghidhea’, tha thu friathala’ dhamh na’s moa ’n a’ta mi deanamh dhuit. Tha Neamh agus Talamh, a chruthaich thu chum friathala’ ’n duine, deas air do smeid, dheanamh gach uile ni, a dh orduich thu dhoibh. Agus ni bheil ann so fosd, ach beag; shuidheich thu mar an ceudna na Aingeil chum feam an duine; ach ’se so, tha oscion sin uile, gu’n dheonaich thu, seirbheas dheanamh do’n duine thu fein, agus gu’n gheall thu thu fein thoirt dha. Ciod bheir mi dhuit airson na miltean so uile do chomain? O nach b’ urra’ dhamh seirbheas dheanamh dhuit, feadh gach uile la do m’ bheatha sa! O nach robh mi comasach thusa riaracha’ go fiuntach, ghe nach robh e, ach car aon la ’mhain! Go deimhin tha thu [TD 101] toilteneach air gach seirbheas, gach onoir agus air cliu bith-bhuan. Is tusa mo Thighearna go dearbh, agus is mise d’ oglach bochd sa, a’ta ceangailte le m’uile neart seirbheas dheanamh dhuit, agus ni ’m bu choir dhamh, go brach fasa’ sgioth re do mholla’ sa. Mar so ’saill leam, mar so is mian leam, agus ciod air bith tha dhioth orm, deonaich thusa dheanamh ’n airde. Is mor an onoir agus an gloir, seirbheas dheanamh dhuit se, agus gach uile ni chuirea’ fo thair airson do sga sa. Is mor an gras a’ta acca-san, a’ta ’g an cuirea’ fein go toileach fo gheill do d’ sheirbheas naomh sa; gheabh iad solas ro chubrui’ an Spioraid Naoimh, a’ta cuirea’ cul ris gach uile tlachd feolmhor, airson do ghraidh se: coisini’ iad fuasgal mor inntin, a’ta dol air an t slighe chumhan air sga d’ ainmse, agus a’ta dearmadach ma uile churam shaoghalta. O cia taitneach agus aoibhneach a’ta seirbheas Dhea, leis an deanar an duine do rirea’ saor agus naomh! O cia beannaichte sdaid an trailleas dhiadhai’, a’ta deanamh an duine comhad ris na Aingealaibh, taitneach do Dhia, oilteal do na deamhanaibh agus ion-mholta do na creidmheicheibh uile! O sheirbheas, re ghlaca’ fo laimh, agus re mhiannacha’ do ghna, tre’n toillear am math, is airde, agus am faithear an t aoibhneas, air nach tig crioch am feasd! CAIB. XI. Gu bheil Miannan an Chridhe re ’n ransacha’ agus re ’m measarracha’. MHIC, is eigin dhuit moran ionsacha’ fhasda, nach d’ ionsaich thu cheana go maith; creud iad sin Thighearna? Gu’n suidheichea’ tu do thogar [TD 102] anns gach uile ni do reir mo dheagh thoilse; agus chum nach bithea’ tu do graidheor dhuit fein; ach t eudoir miannach air mo thoilse dheanamh. Is tric leis na miannan do lasa’ suas agus do sparra’ air adhairt go dian; ach seall co acca ’san, airson m’ onoirse, no airson do bhuantachd fein ghluaisear thu an tuille. Ma’s mise tha mar abhar dhuit, bithi’ tu go lan-toileichte, leis gach seol air an orduich mi dhuit: ach ma ’se ’s gu bheil ni air bith am folach do d’ iarra’ arai’ fein; feuch, ’se so ni, tha ’g a do bhaca’, agus ’g a d’ antromacha’. Thug an aire, air an abhar sin, nach deana’ thu tuille is choir do bhunn as mian air bith, a ghlac thu, roi dhuit mo chomhairle ghabhail; an t eagal gu gabh thu aireachas ann deidh laimh, no gu bith thu mio-thoileichte leis an ni bu taitneach dhuit roi, agus a mhiannaich thu go eudmhor, mar an ni bu ro fhearr. Cha ’n ’eil gach uile togar, a mheasar math, air bhith re leantuin, no gach togar ann aghai’ sin, re thiligea’ air falbh air cheud sealla: eadhon tha e feamail air uairean, baca chuirea’ air miannaibh math, agus deagh chlaonaibh; air eagal, tre diannas na inntin, gu’n tuit thu fo luainneach-inntin; air eagal, tre mi-theagasg, gu gin thu sgaineal do luchd-eile, no fos tre dian-bhaca luchd eile, gu’m buairear thu go ubbuin, agus gu’n tuit thu sios. Go deimhin, air uairean ’seigin dol ann aghai’ an ghaoil fheolmhor go fearoil, gan an aire thoirt, ciod is mian leis an fheoil, agus ciod nach b’ aill lea: ach dean spairn na’s luaithe, ise chuirea’ fo smachd do ’n spiorad, olc air maith lea: agus is eigin di bhith air a cuirea’ fo smachd, agus air a eigeneacha’ fo bhruite co fad agus, gus an deanar i deas ionsui’ gach uile ni, agus [TD 103] gus an ionsaich i bhith toileichte leis am bheagan agus bhith fonmhor leis na nitheibh gnathaichte, agus gan ghearan dheanamh ma ni air bith neo-ghaorrasach. CAIB. XII. Air Folum na Foighidin, agus air Cuth ann aghai’ an Ainmhian. O Thighearna Dhea! mar is leir leam, tha foighidin feamail dhamh: oir is lionor na nithe a tachairt ’n aghai’ na toil ’sam bheatha so. Oir cia air bith seol a chuireas mi romham, airson mo shio-chainte, ni ’n urra’ mo bheatha sa, bhith gan choga’ is bron. Amhuil mar sin a’ta e, mhic; ach is aill leam, nach iarrae’ tu leathaid do shio shainte agus a saora’ tu o bhuaireibh, no nach mothaichea’ tu an t arrach. Ach is aill leam eadhon ann sin, gu’m measae’ tu sio-chainte fhaotuin, an uair a’ta thu air do chleachda’ le iomad buaireibh, agus air do dhearbha’ le iomad nitheibh ann aghai’ d’ inntin se. Ach their thu nach urra’ dhuit moran fhulana’; cionnas le sin, ghiulanas tu teine am phurgadoir? Do dha olc, tha t olc is lugha re raoineacha’ do ghna. Uime sin, chum agus gur urra’ dhuit na piantan siorrui’ re thighin sheachna’, saothraich, na uile a’ta lathair, fhulana’ le foighidin airson Dea. Bheil duil agad gur beag, no gur neo-ni a’ta daoine an saoghail so ag fulana’? Ni faith thu so, mar sin, ghe gu’m fiosraich thu amach an dream is ro chiataiche. Ach their thu, gu bheil moran do thoileachas-inntin acca, agus gu bheil iad ag leantuin an toil arai’ fein; [TD 104] agus air an abhar sin, ni gabh iad, ach beag suim d’ an triobloideibh se. Saoil gu bheil an gnothach mar sin, gu bheil gach ni is mian leo acca; ach cia fad tha duil agad, mhairreas sin? Feuch theid luchd-soibhireis an t saoghail so as mar dheathach, agus ni ’m bith cuimhneachan air bith ann, air an aoibhneas sa a chuaidh seachad: sea’, eadhon, feadh am beatha sa, ni ’m bheil iad ag gabhail tamh annta, gan searbhas, gan siothas agus eagal; oir is tric a’ta iad faotuin piana-broin, o’n aon ni cheudna, o’m bheil iad gabhail tlachd. Thu e ceart, gu’m bithea’ se dhoibh se mar sin, o’n tha siad ag iarra’ agus ag leantuin an toileachas-inntin fein go mi-chneasta, nach sasuichea’ siad iad gan mhasla, agus antromachd. O cia gaorraid, cia mealtach, cia mi-riaghailte, agus salach a’ta na toileachas-inntin sin uile; ghidhea’ tre truimeas agus doille cridhe, ni tuig siad; ach mar bheothaichean gan tuigse, ag sollara’ bas an anaim, airson toileachas-inntin bheag na beathai thruailli’ so. Air an abhar sin mhic, na teid air deidh d’ ainmhianan sa, ach tionda’ air falbh o do thoil fein; gabh tlach ’san Thighearna, agus bheir e dhuit iartasan do chridhe se. Oir, ma’s aill leat ann firinn, toileachas-inntin bhith agad, agus an tuille solais fhaotuin uam; feuch bithi’ do shonas ann tair air na nitheibh talmhui’ uile, agus bithi’ diulta’ nan tlachda suarach sin, ’n am mor bheannachd do d’ anam: agus am mead agus tharruineas tu thu fein, o chofurtach nan nithe cruthaichte, is moa gheabh thu do sholasaibh laidir agus cubhrui’ annamsa. Ach air an cheud uair, cha tig thu ionsui’ na nithe so, gan bhron eigin, agus saothair ’san chath: seasai’ do shean nos san t slighe, ach bheirear buaidhe air, le [TD 105] ghnathach eile na’s fearr; ni ’n fheoil gearan, ach cuirear srian uirre le durachdachd spioraid; bheir an t sean nathair buairea’ agus triobloid dhuit; ach fuadaichear i air falbh tre urnuidh; agus fos tre bhith air do thoirt gu saothair fheamail, dunar an dorsa go cinteach uirre. CAIB. XIII. Air Umhalachd an Iochdarain iriseal reir Eiseamlair Iosa Chriosd. MHIC, an ti a’ta deanamh dicheall chum e fein tharruinea’ o umhalachd; tha se ’g a tharruinea’ fein o ghras; agus an neach a’ta ’g iarra’ nithe airson a fheim uaigneach fein amhain, tha se calla’ iadsan a’ta gnathaichte. An ti nach cuir e fein go toileach agus dh aon run fo smachd a uachdarain se, is cothar sin, nach ’eil a fheoil se fosd go iomlan fo umhalachd dhasan; ach gu bheil i go tric re ceannarach ’na aghai se, agus re monmur. Air an abhar sin, ma’s mian leat d fheoil arai’ fein chlaoithea’; ionsaich go grad thu fein chuirea’ fo gheill do d’uachdaran sa: oir bheirear buaidhe air an namhaid o’n leath-amuigh na’s luaithe, mar millear an duine o’n leath-steach. Cha ’n ’eil namhaid aige d’aman, na’s draghail, agus na’s measa, na ’ta thu fein dhuit fein gan coi-reite cheart ris an spiorad. Is eigin dhuit do rirea’ fior thair ghlaca’ ugad ma d’ thimcheall fein, ma’s aill leat lamh an uachdar fhaotuin air fuil agus air feoil. Chion gu bheil thu fhasda ’g a do ghradhacha’ fein go ro mhi-chneasta; uime sin, tha eagal ort thu fein thoirt thaireis go leir chum toil luchd-eile. [TD 106] Ach ciod an ni mor a’ta ann, gu cuirea’ tusa, ’n uair nach ’eil annad, ach neo-ni agus duslach faoin, thu fein fo gheill do dhuine air sga Dhea; an uair chuir mise, an ti is mi t uile chumhachdach, agus an ti is airde, a chruthaich gach uile nithe o neo-ni; mi fein fo gheill duine go irisealach, airson do sga sa? Rinnear mi mar an ti is irisealaiche, agus is easlainte; chum, tre m’ irisealachd gu tuga’ tu buaidhe air d’ uabhar sa? O dhuslaich! chum bhith umhal, ionsaich thu fein irisealacha’ agus do chroma’ sios fo chosaibh gach uile; oir ni bheil annad ach salachar agus uir. Ionsaich do mhiannan fein bhrisea’ agus thu fein thoirt suas chum gach uile foi-gheill. Las suas ’na d’aghai fein, agus na ceadaich do atta na uabhair bhith beo annad; ach dean thu fein go beag agus go geiltineach, ionnas gu’m feud gach neach imeachd thaireis ort, agus do shaltara’ sios mar pholl nan sraid. Ciod th’ agad dhuine dhiamhaoin, chum gearan dheanamh air? Creud, pheacoir shalaich! is urra’ dhuit ra’ ’n aghai luchd do mhasla’ sa, thusa a pheaccaich go tric ’n aghai Dhea, agus a thoill ifrion go ro mhinic? Ach shabhail m’ shuil se thu, chion gu robh d’anam luach-mhor ann mo shealla sa, chum gu b’aithne dhuit mo ghradh, agus gu taisbeinea’ tu thu fein do ghna taingeolach, airson mo shochairean lionor sa: agus chum thu fein thoirt thaireis do ghna, chum foi-gheill fireanach, agus irisealachd, agus gu fulainea’ tu go foighidineach bhith air do chuirea’ foi-dhi-mheas leis gach uile. [TD 107] CAIB. XIV. Air Beachda Breathanasan uaigneach Dhea, air Eagal gu’n attar sinn le’r deagh Oibreibh se. THA thu re tarnanacha’ do bhreathanasan sa orm Thighearna, agus ag cratha’ m’ uile chnamhan le eagal agus le ball-chri, agus tha oilt go mor air m’anam; ’taim buailte le iongantas agus ag toirt fanaire, nach ’eil na neamha glan ann do shealla sa. Ma ’se agus gun tuair thu peacca anns na Aingealaibh, agus nach do thearuin thu iad; ciod thig orm sa? Thuit na realtan o’n neamh, agus cionnas ghabhas mise an daslach, danadas orm? Thuit iadsan, d’am measar an oibre se toilteneach air molla’, gus an ionad is ilse; agus iad san, a dh ich aran nan Aingeal, chunnaig mi ag gabhail tlachd as plaosgaibh nam muc. Air an abhar sin, ni bheil naomhachd air bith ann, ma ’se agus gu’n tarruin thu air ais do lamh, o Thighearna! ni bheil feam ann gliocas air bith, ma ’se agus gu ’n sguir thu d’ar sdiura’ sa; ni bheil comhna’ air bith ann neart, ma leigeas tu dhiot ar camail suas; ni bheil geamnuidheachd air bith ann dion, mar bith thu ’g a diona’; ni bheil buantach air bith ann ar coimhead arai’ fein, mar bith d’ fhaire naomh fein a lathair. Oir ma fhagar sinn duinne fein, sluigear, agus sgriosar sinn; ach ma tha sinn air ar fiosracha’ leat, togar sinn suas, agus tha sinn beo. Tha sinn go deimhin neo-sheasmhach, ach leatsa daingeichear sinn; tha sinn fuar, ach leatsa tha sinn air ar lasa’ suas. O cia iriseal agus iosal bu choir dhamh sealtin orm fein! cia beag bu choir dhamh mheasa’, ma ’se gu’n saoilear leam, ni air bith do mhath bith agam! O cia iosal bu [TD 108] choir dhamh mi fein thiligea’ sios fo dhoimhneachd gan iochdar do bhreathanasaibh se! O Thighearna, far neach faith mi mi fein, mar ni air bith eile, ach mo neo-ni! O an cothrom do-thomhaiste! O mhuire do-snamhta; far nach faith mi mach dad air bith dhim fein, ach an neo-ni ’mhain ’san iomlan! Uime sin, c’aite sam bheil toll foluichte chum gloir dheanamh assam fein? C’aite sam bheil muingin re chuir ann subhailce ghinte air bith? Tha gach uile gloir dhiamhaoin air a sluga’ sios ann doimhneachd do bhreathasaibh orm sa. Creud i gach feoil ann do lathaireachd sa? An deanar uaille leis an chretheach, ann aghai an ti a thug cuma dhi? Cionnas is urruin eisean bhith air a sheidea’ suas le faoin chainte duine, eisean aige bheil a chridhe, ann firinn foi gheill aige Dia; cha tog an saoghal uile eisean suas, a chuir an fhirinn fo smachd di fein: ni moa dh atharraichear e le beul an luchd-mhollai’ uile, a shuidheich uile earbs sa ann Dia. Oir feuch ata iadsan uile, ’ta labhairt, mar neo-ni, agus theid iad thart mar fhuaim am briathran sa; ach mairri’ firinn an Tighearna gu siorrui’. CAIB. XV. Cionnas is eigin dhuinn bith suidheichte, agus a ra’, ’n uair is mian lein ni air bith. MHIC, abair mar so, anns gach uile ni, Thighearna! ma bhitheas e taitneach dhuit, deanar so Thighearna, air an doigh so; ma bhitheas e chum d’onoir se, deanar so ann d’ ainm se, Thighearna; ma chi thu iomchui’ dhamh e, agus ma dhearbhas tu feamalach e; ann sin deonaich dhamh gu gnathaich mi e chum d’ [TD 109] onoir se. Ach ma’s aithne dhuit, gu bith e ciuireal dhamh agus gan bhonn feim do m’anam sa, thoir ’uam an leathaid so do mhian. Oir ni bheil gach uile togar ag teachd o’n Spiorad Naomh; ghe gu’n saoilear e ceart agus math le duine. Tha e cruai’ go fireanach breath thoirt, co acca ’se an spiorad math no olc, a’ta ’g a do sparra ’sa air d’ adhairt chum so no sud mhiannacha’, no ’n e do spiorad arai’ fein, leis an gluaisear thu. Tha moran air am mealla’ ’san chrioch, a shaoilear bhith air an treoracha’ ’san toiseach leis an deagh spiorad. Uime sin, ciod air bith ni re thogara’ thig chum na inntin, is eigin sin mhiannacha’, agus shirea’ do ghna maille ri eagal Dea agus irisealachd cridhe, agus thar gach ni, bu choir dhuit, tre d’ fhagail fein dhamh sa, an t iomlan earba’ rium sa; agus le sin ra’: Thighearna, is aithne dhuit, ciod is fearr; deanar so no sud, mar is aill leat: thoir seachad mar is aill, agus ann mead mar is toil leat, agus an uair is mian leat; buin rium mar is aithne dhuit, agus mar is fearr is taitneiche leat, agus bhitheas e chum do mhor onoir. Cuir mise far an aill leat, agus dean rium mar is mian leat anns gach uile ni. Tha mi ann do lamh sa, tionda’ mi mancuairt chum gach slighe is aill leat. Feuch is mise d’ oglaoch sa, deas air bhith freagairteach dhuit chum gach uile ni: do bhri, nach mian leam bhith beo dhamh fein, ach dhuitse; gu’m bu mhaith leam sin bhith go fiuntach agus go iomlan. Urnuidh chum Toil mhath Dhea choiliona’. DEONAICH do ghras dhamh, Iosa ro iochd-mhoir; chum gu’m bith e maille rium, agus gu’n saothraich e leam, agus gu’m mairr e maille rium gu crioch mo [TD 110] bheathai se. Thoir dhamh, gur e so is aill agus is mian leam do ghna; an ni sin is taitneiche, agus is gaolaiche leat dheanamh agus iarra’; gu’n deanar do thoilse, mo thoilse, agus gu’n leanae’ mo thoilse do thoilse do ghna, agus gu bithea’ i reith ri go foirfe; bithea’ mo thoil, no gan mo thoil, maraon ri do thoilse; na leig dhamh, is aill, no nach aill bhith agam, ach mar is aill, no mar nach aill leatsa. Deonaich dhamh cul chuirea’ ris gach ni ’san t saoghal, agus an tair ghradhacha’ airson do ghradh sa, ionnas gu’m bu mhian leam bhith neo-fhiosraichte anns an t saoghal so. Thoir dhamh oscion gach uile ni re mhiannacha’, tamh ghabhail annad, agus mo chridhe le sioth, fois ghlaca’ annad. Is tusa fior shio-chainte an chridhe, is tu ’na d’ aonar a fhois se; tha gach ni an taobh-amuigh dhiot, cruai’ agus mio-shocrach. Caidili’ mi le sin ann suain, agus gabhai’ mi tamh san t shio-chainte so, sin re ra’, annad sa ’mhain, an t aon math is airde agus siorrui’. Amen. CAIB. XVI. Gur coir am fior Sholas shirea’ ann Dia amhain. CIOD air bith is urra’ mi mhiannacha’ na smuaineacha’ air, chum mo sholas sa, ni bheil duil agam ris ’san t saoghal so, ach anns an ath-shaoghal. Ciod e, ghe gu bithea’ agam sa amhain, uile sholasan an t saoghail, agus gu’m b’ urruin mi gach uile toileachas-inntin mhealtuin; is cinteach an ni e, nach urra’ iad bhith fada buan. Le sin, cha’n urra’ dhuit o m’ anam! bhith air do chofurtacha’ go lan, no bhith go foirfe air do liona’ le tlachd, ach ann Dia, fear-solais nam bochd, [TD 111] agus fear-glacai’ air laimh nan iriseal. Earb o m’ anam! car tamul beag, feath ris an ghealla dhiadhai’, agus bithi’ pailteas do gach uile ni’ maith agad air neamh. Ma dh iarras tu go ro dhian na nithe ’ta lathair, cailli’ tu na nithe siorrui’ agus neamhail. Freagairea’ na nithe aimsireal do ghnothach sa, ach bithea’ na nithe neamhail, mar chusbair do mhian sa. Ni ’n urruin thu bhith air do shasacha’ le math air bith aimsireal; bhri, nach robh thu air do chruthacha’, chum na nithe sin mhealtuin. Ghe, gu bithea’ gach ni cruthaichte agad, cha’n urruin thu bhith sona agus beannaichte, ach ann Dia amhain, a chruthaich gach uile ni; tha do bheannachd agus d’ agh ag coi-sheasamh, cha’n e sonas sin a chithear agus a mhollar le luchd-gaoil gorach an t saoghail, ach ann leathaid sin do shonas, agus tha duil aige deagh mhuintir dhileas Chriosd re fhaotuin; agus a tha luchd-chridhe ghloin agus spioradalta, aige am bheil an conaltra air neamh, air uairean ’g a roi bhlasa’. Is diamhaoin agus is gear, gach uile sholas dhaonna. Is beannaichte agus is cinteach an cofurtach a chithear o’n leath-steach o’n fhirinn. Tha ’n duine crabhach ag giulana’ mancuairt leis anns gach aite, Iosa a chofurtoir fein, agus ag ra’ ris; bith maille rium Thighearna Iosa anns gach uile aite agus am. Bithea’ so dhamh sa, mar sholas, bhith deonaichte go toileach, bhith as eagmhais gach cofurtach dhaonna; agus ma’ se gu’n tarruinear do chofurtach uamsa, mar an ceudna, bithea’ do thoil, agus do dhearbha’ ceartsa, dhamhsa, mar sholas ro mhor ann mo dheachuin. Oir cha bhith thu do ghna ann corruich, ni mo bhagaireas tu go siorrui.’ [TD 112] CAIB. XVII. Gur choir dhuinne arn uile Churam chuirea’ air Dia. MHIC, ceadaich dhamh dheanamh ruit mar is aill leam; is aithne dhamh, ciod is fearr air do shon sa. Tha thusa smuaineacha’ mar dhuine, ag toirt breath air iomad ni, mar a’ta togar dhaonna ’g a chogara’ dhuit. Thighearna, is fior an ni a’ta thu ’g ra; is moa go mor do churam ma m’ thimcheallsa, na gach uile curam is urra’ mi ghabhail air mo shon fein. Is ro thuisleach a’ta ti sin ag seasamh, nach ’eil ag cuirea’ a uile churam ort sa. Thighearna, ann mead agus gu’m fan mo thoilse direach, daingean ruit, buin rium, mar is aill leat air gach achd. Oir cha’n urruin e bhith, ach math, ciod air bith ni thu rium. Ma’s maith leat mi bhith ann dorchadas, gu’m beannaichte bitheas tu, agus ma’se’s gur mian leat mi bhith ann soilse, gu’m beannaichte gu’n robh thu aris. Ma’ se gu’n deonaich thu cofurtach thoirt dhamh, gu’m bithea’ tu beannaichte; agus ma’s aill leat gu’m bithin air mo chragha’, bithea’ thusa do ghna araon beannaichte. Mhic, ’san air an doigh so, is eigin dhuit seasamh, ma’s mian leat imeacha’ maille rium. Is coir dhuit bhith cheart go deas chum fulana’ agus bhithea’ tu chum aoibhneas dheanamh; is eigin dhuit bhith cheart go toileach, bhith bochd agus ann dioth, ghe agus gu bithea’ tu lan agus beartach. Thighearna, fulanai’ mi go deonach air do shonsa, ciod air bith is aill leat teachd orm. Is aill leam maraon, math is olc, blasta agus searbh, ni aoibhneach [TD 113] agus bronach ghabhail o’n do lamh; agus buidheachas thoirt dhuit airson gach uile ni thig orm. Coimhead mi o pheaca, agus ni gabh mi eagal as am bhas, no Iffrion: Ma’ se agus nach tilig thu mi uaite, agus nach dubh thu mi mach as leabhar na beathai, ciod air bith triobloid thig orm, cha chiuir e mi. CAIB. XVIII. Gur eigin na Truaidhean aimsireal ghiulana’ le Foighidin reir Eiseamlair Chriosd. MHIC, thannaig mi anuas o neamh airson do shlainte se, ghabh mi do thruaidhean sa orm fein, cha’n ann tre eigin, ach tre gradh ’g am’ tharruinea’; chum agus gu’n ionsaichea’ tu foighidin, agus gu’n giulana’ tu gan ghearan truaidhean na beathai. Oir cha robh fulanas broin dhioth orm sa, o uair mo bhreath sa, gu am mo bhais air an chrann-cheusai’. Bha gaoinea’ mhor nan nithe tulmhui’ orm; bu lionor casaid a chuala mi ann m’ aghai se; agus ghiulain mi go caomh maslan, agus tamailtean; thuair mi airson deagh-dheantan, mio-thaingeolas, airson miorbhuilean dia-mhaslan, airson mo theagasg ach mhasan. Thighearna, bhri gu’n robh thu foighidineach ann do bheatha sa, ann so go arai’, ag coiliona’ aithne d’Athairse; tha e ceart gu giulanuin se a’ta mo pheacoir trua’, leam fein go foighidineach reir do thoilse, agus co fad, agus is maith leat, gu cumuin suas eullach na beathai’ thruailli’, airson mo shlainte shiorrui’ se. Oir ghe, gu mothaichear trom am bheatha a’ta lathair, ghidhea’ rinnead i nois ro thoilteneach tre do ghras sa, agus na’s aotrom agus na’s so-fhulanach do luchd ea- [TD 114] slainte le d’ eiseamlair fein, agus cos-lorga do naoimh se. Agus a’ta i fos moran na’s solasaiche, na bha i o shean, fo t sean lagh; ’n uair dfhuraich dorus neimh duinte, agus bha fos an slighe chum neamh, reir coslach na bu doilleir; an tra bha co beag do shluagh ag gabhail curam rioghachd nan neamh shirea’ (no lorgacha’) amach; agus ni mo, b’urra’ iadsan a bha ann sin ’nam fireanach agus re bhith air an sabhala’, dol asteach gus an rioghachd neamhail, roimhe d’ fhulanas, agus diola’ ar fiacha tre do bhas naomh sa. O cia mor na buidheachasan a’ta mi fo chomain thoirt dhuit, chion gu’n dheonaich thu dhamhsa, agus do na fireanaicheibh uile, slighe direach agus math chum do rioghachd shiorrui’ se shoilseacha’ dhuinne! Oir ’si do bheatha sa, ar slighe se, agus tre foighidin naomh triallai’ sinn ugad sa, an ti is crun duinne. Mar racha’ tu romhain, agus mar teagasga’ tu sinn, co air am bithea’ curam air do leanachd? Mo thruaidhe! cia lionor a dfhana’ fad air falbh, agus ann deidh laimh, mar faicea’ iad do deagh eiseamlair roi an sul! Feuch! a’ta sinn fosd fuar, eadhon air cliuntin do mhiorbhuileibh agus do theagasgaibh: ciod thachairea’, mar bithea’ sollus go mor againe, chum thusa leantuin? CAIB. XIX. Air Giulana’ nan Eacoirean agus co Ti Ghearbhar Foighidineach do rirea’. CIOD so mhic, a’ta thu ’g ra? Sguir re bhith re gearan, air dhuit smuaineacha’ air m’ fhulanas, agus air fulanas nan Naomh eile. Cha do chuir thu fosd an cath gu dorta’ fola. Is beag an ni a’ta thu fulana’ ann [TD 115] coimeas riusan a dfhulain am moran, a bha go laidir air am buairea’, go trom air an cragha’, go ro mhinic air an deachuinea’, agus air an gnathacha’ annta. Is coir dhuit le sin, trom fhulanas luchd eile gairmea’ gu cuimhne; chum gu giulain thu do beagan fein na’s furaisde. Agus mar faicear leat beag iad, seall nach e so a’ta deanamh do mhio-fhoidhidin se. Ach co acca tha iad beag, no mor, dean do dhicheall an giulana’ go foighidineach. Mar is fearr shuidheicheas tu thu fein chum fulanas, mar is glice do ni thu, agus mar is moa fos thoilleas tu luach-saothair; agus air do d’anam bhith deasaichte, agus air a ghnathacha’ leis, giulanai’ tu e na’s aotruime. Ach na abair, cha’n urra’ mi na nithe so fhulana’ o leathaid so dhuine, agus ni bheil an leathaid so re fhulana’ leam; oir rinn e eacoir mhor orm, agus mhaslaich e mi le nitheibh, air nach do smuaineich mi riamh; ach fulanai’ mi go toileach o neach eile, agus mar chi mi sin ceart re fhulana’. Ach is aimideach an leathaid sin do smuainte, nach ’eil sealtuin air feart mhor na foighidin, no air an ti leis an crunnar i; ach tha na’s tocha co-’romacha’ nam pearsunan, agus na ciontan a rinnead air. Ni bheil e do rirea’ foighidineach, nach aill fhulana’, ach am mhead is a chithear leis ceart, agus mar is taitneach leis. Ach ni seall an duine fior fhoidhidineach, co duine leis an dearbhar e, co acca is ’san le uachdaran fein, no le neach coi-ionnan ris fein, no le iochdaran: co acca ’san leis an deadh dhuine agus naomh, no leis an duine chrosanta, agus neo-fhiuntach. Ach gabhai’ se gach uile mio-shoirbheas a thig air o chreatoir air bith, mar an t aon iomlan o lamh Dhea, maille ri buidheachas, cia minic, no cia mor air bith a dfheudas sin tachairt, dha, agus measai’ se sin, ’na mhor bhuantachd; do bhri, [TD 116] nach urra’ ni air bith, cia beag air bith e, air a fhulana’ air sga Dhea, dol as gan toilteneas ann sealla Dhea. Uime sin, bith deas air coga’, ma ’s aill leat buaidhe bhith agad; as eagmhais cath, cha’n urra’ dhuit teachd gu crun na foighidin. Ma ’se, agus nach aill leat bhith fulana’, tha thu diulta’ bhith air do chrunna’; ach ma’s mian leat bhith air do chrunna’, chuir an cath go fearoil, is giulain go foighidineach. Gan saothair, cha tigear gu fois, ni mo bheirear buaidhe mach, gan choga’. Deanar, O Thighearna! an ni sin comasach dhamh tre do ghras, a chithear dhamh do-dheanta tre ’n nadur. Is aithne dhuitse, gur beag is urruin mi fhulana’, agus gur grad thiligear mi sios; air eireagh do’n bhochduin is lugha. Fasar dhamh sa gach uile cleachda nan triobloid, air sga d’ ainmse, araon mileis agus taitneach. Oir is fallain go mor do m’ anam, bhith ag fulana’ agus air a chragha’ air do shon sa. CAIB. XX. Air Aidmheil na Anmhunnachd arai’, agus air Truaidheibh na Beathai so. AIDMHEILEAM ann m’ aghai fein m’ eacoir se; tha mi ’g aideacha’ dhuitse, o Thighearna! m’ easlaintese. Is beag an ni go tric, a thiligeas mi sios, agus a chuireas mi fo bhron. Tha mi chuirea’ romham gu’n dean mi go foghainteach, ach an uair thig am buairea’ is lugha’, teannaichear mi go mor; air uairean is ro shuarach ann ni, o’n tig am buairea’ trom; agus an uair shaoileas mi mi fein bhith ann tearnuin eigin bheag, an tra nach saoil mi, tha mi ’g am’ fhaotuin fein corr uairean air mo chuirea’ ionnas fo smachd le ossag bheag. [TD 117] Air an abhar sin, o Thighearna! seall air m’ irisealachd sa, agus air m’ anmhunnachd, a’s leir dhuit air gach doigh. Dean trocair orm, agus tarruin mi as an lathach, chum nach lean mise ris go tean, agus nach mairr mi ann tiligte sios go brach. ’Se so an ni a’ta ’g am’ chuirea’ air ais go minic, agus ag chuirea’ naire orm ann do lathair; gu bheil mi go tuitemeach, agus go lag ann cuirea’ ’n aghai’ mo dhroch-fhulanas. Agus ghe, nach ’eil mi ’g aontacha’ leo go iomlan, ghidhea’, tha ’n dian-leanmhuin se draghail, agus trom orm; agus is mor an sgiothas leam, bhith mar so do ghna ’san trod riu. O so is fiosruichte dhamhsa m’ anmhunnachd fein; do bhri, gu bheil smuaintean grainealach do ghna ag tighin nan stead orm na ’s furaisde, na dfheudas iad bhith air an cuirea’ air falbh aris. Och! nach sealla’ tu Dhia chumhachdach Israeil, fear-eud nan anama fireanach air saothair agus bron d’oglaoch fein; agus seasamh lamh ris anns gach ni a ghabhas e fo laimh. Neartuich mi le spiona’ o’n neamh, air eagal gu’n toir an sean duine an fheoil thrua’, nach ’eil fosd go lear fo smachd do’n spiorad, buaidhe mach, agus an lamh uachdar fhaotuin orm: ’na aghai’ is eigin cath dheanamh, co fad agus mhairreas anail na beathai ro thrua’ so annaine. Mo thruaidhe! ciod an gne beathai th’ ann so; far nach ’eil dioth air bith air buaireibh agus bochduineibh; far am bheil gach uile nithe lan do lub-ghlacaibh, agus do naimhdeibh. Oir air falbh do aon buairea’ no triobloid, tha ’n aon eile teachd; seadh agus an tra ’ta ceud cath ag mairrean, tha iomad eile teachd air, gan duil air bith riu. Agus cionnas dfheudas am bheatha sin bhith air a gradhacha’, aige bheil coilion searbhas inte, is buailteach le iomad tua-leasaibh agus truaidheihh? Cionnas [TD 118] eadhon, deirear beatha ria, a’ta ginea’ coilion bas agus plaigh, agus ghidhea’ gradhaichear i, agus iarrar le moran, an tlachd sa inte; cronnaichear an saoghal go tric, gu bheil e mealta agus diamhaoin; ach ghidhea’ sin, ni fagar e go furasda; chion gu bheil ainmhianan na feola ag faotuin an lamh an uachdar tuille is moa. Ach tha nithe eile ann, a’ta tarruinea’ gu ghradhacha’, agus nithe eile gu dimeas thoirt dha: tha togar na feola, togar nan sul, agus uabhar na beathai ag tarruinea’ gu gaol an t saoghail, ach tha piantan agus na truaidhean ag teachd as go dligheach, ag ginea’ fuath agus graine an t saoghail. Ach mo thruaidhe! tha ’n toileachas-inntin pheacach ag toirt buaidhe air an anam ceangailte ris an t saoghal, agus saoili’ se milseachd bhith fo na driseibh sin: do bhri, nach faic agus nach blais e milseachd Dhea, agus taitneas na subhailce o’n leath-stigh. Ach iadsan, a’ta deanamh tair air an t saoghal, agus ag ionsacha’ bhith beo do Dhia fo riaghailt naomh; cha’n ’eil iad ain-eolach air mhilseachd dhiadhai a’ta air a gealla’ do’n fhior luchd fein dhiulta’; agus is leir dhoibh go soilleir, cia trom a’ta saoghal dol am mearachd agus ’g a mhealla’ fein air iomad seola. CAIB. XXI. Gur dlighe Tamh ghabhail ann Dia, os-cion gach uile Math, agus Tiolaca’. OS-CION gach ni, agus anns gach uile, gabh tamh m’anam do ghna anns an Tighearna; do bhri, gur e eisean fois shiorrui’ nan Naomh. Thoir dhamhsa Iosa ghaolaich agus ro mhileis, tamh ghabhail annad, os-cion [TD 119] gach slainte agus boidheacheas, os-cion gach gloir agus onoir, os-cion gach comas agus feothas, os-cion gach eolas agus finealtachd, os-cion gach beartas agus seoltachd, os-cion gach aoibhneas agus lua-ghairdeachas, os-cion gach cliu agus molla’, os-cion gach milseachd agus solas, os-cion gach earbs agus gealla, os-cion gach toilteneas agus mian, os-cion gach uile tarbhairteas agus tiolaca’ a’s urra’ dhuitse thoirt, no dhorta’ steach; os-cion gach uile samhachas agus ard ghraonnas, a’s urra’ an inntin ghlaca’ no mhothacha’: fadhaoi; os-cion nan Aingeil agus nan Ard-aingeil, os-cion sloigh uile na flaitheas, os-cion gach ni faicsineach, agus neo-fhaicsineach, agus thar gach uile ni, nach e thusa mo Dhia sa. Bhri, gur tusa, o Thighearna mo Dhia! is fearr thaireis air gach uile; is tu ’mhain a’ta ro ard, is tu ’mhain a’ta uile chumhachdach, is tu ’mhain a’ta leoir-fhoghainteach agus iomlan; is tu ’mhain a’ta ro bhlasta agus lan solais; is tu mhain a’ta ro bhoidheach agus ro gradhach; is tu ’mhain a’ta ro uasal agus ro ghloir-mhor os-cion gach uile; anns am bheil gach uile math comhla agus go foirfe, a bha do ghna, agus a bhitheas: agus uime sin, is ro bheag, agus is neo-chomasach, ciod air bith bheir thu dhamh, as d’eagmhais fein, no na thaisbeineas tu dhamh, ma do thimcheall fein; no na gheallas tu, air dhuit bhith foluichte orm, gan do lan mhealtuin se; do bhri, go deimhin, nach urra’ mo chridhe se tamh go fireanach ghabhail, no bhith go iomlan toileichte, gus an eireich e os-cion gach creatoir agus gach uile tiolaca’, agus fois ghabhail annad sa. O m’ fhear nua’ posda iomhuin Iosa Chriosd, ghraidheor uile ghlan; Thighearna an uile chruthacha’! co bheir dhamh sgiathan na faorsuin mhaith; chum itealacha’ ugad, agus fois ghabhail annad? O cuine dheonaichear [TD 120] dhamh gus an lan, seatha’ go fireanach ort, agus gu’n faicin; cia mileis a’ta thu o Thighearna mo Dhia sa! Cia’n uair dh a’-chuimhneicheas mi orm fein go iomlan annad sa, ionnas nach mothaich mi mi fein, tre do ghradh sa, os-cion gach uile mothach agus doigh, ann achd nach aithne d’a gach uile? Ach nois ata mi go minic ag osnacha’, agus tha mi giulana’ mo mio-shonas le bron; chion gu bheil moran uile ag tachairt orm anns an ghlean so nan truaidhe, a’ta go tric’ g am gluasa’, ’g am’ chragha, agus ’g am’ dhorchacha’, a’ta go minic ’g am’ bhaca’, agus ’g am’ tharruinea; a’ ta go tric ’g am’ mhealla’, agus ’g am’ cheangala’ ’san lab; chum nach bithea’ slighe saor agam ann d’ ionsui’, agus nach mealuin do ghlacan cubhrui’ se, a’ta air am mealtuin do ghna leis na spioradaibh beannaichte. O gu gluasa’ m’ osnaichean thusa, agus an dolas lionor a’ta mi fulana’ air an talamh. Iosa, dealra na gloir shiorrui’ agus cofurtach an anaim ’n a thrialla: maille ruit a’ta mo bheul gan ghuth, agus tha mo thosd ag labhara’ ruit. Cia fad a’ta mo Thighearna cuirea’ dail na theachd? Thigea’ se ugamsa a oglaoch bochd, agus deana’ e mi samhach; cuirea’ e amach a lamh, agus tarruinea’ e mi, an tradhan bochd as gach uile eigin. Thig, thig, chion nach bith la, no uair aoibhneach ann, as d’ eagmhais; do bhri, gur tu mo ghairdeachas, agus as d’ eagmhais a’ta m’ anam falamh. Ata mi bochd agus ann an gaintir chruaidh, air m’ antromacha’ le cuibhreachaibh, gus am furtuich thu orm le sollus do lathaireachd sa, gus an toir thu dhamh saorsuin, agus gu’m feuch thu do ghnuis ionmhuin dhamh. Iarra’ luchd-eile ann d’ aite se, ciod air bith is aill leo; cha’n ’eile ni air bith eile ’g am thoileacha’, ni [TD 121] mo thoileicheas e mi, ach thusa’ mhian mo Dhia, m’ earbs agus mo shlainte. Cha bhith mi ann mo thosd, ni mo sguireas mi do dh urnui’, gus am pill do ghras, agus gu’n labhair thu rium’ san leath-steach. Feuch! a’ta mi ann so, Feuch! thigeam annad d’ ionsui’; do bhri, gu’n do ghairm thu mi. Lub do dheoir, agus togar d’ anam, d’ irisealachd, agus du-bhron do chridhe se mi, agus thug iad mi do d’ ionsui’ se. Agus do thuairt mi, o Thighearna! gu’n do ghairm mi ort, agus gu’n do mhiannaich mi do mhealtuin se, agus tha mi deas airson cul chuirea’ ris gach uile ni, air do shonsa. Ach phrosnaich thu mi, ann toiseach chum gu’n sirin thu; gu robh thusa beannaichte, o Thighearna! a rinn am mhaitheas so ri d’ oglaoch sa, reir lionmhorachd do mhor throcair se. Ciod thuille ’ta aige d’ oglaoch re ’g ra’ ann do lathair; ach gu’n ilseichea’ se fein go mor ma d’ choineamh, ag cuimhneacha’, do ghna air easaontas agus air a shuarachas fein? Oir ni bheil do choslach sa, ann iongantasaibh uile neimh agus talaimh. Tha d’ oibre se uile go ro math, do bhreathanasa fireanach, agus do fhreasdal ag sdiurra’ an uile cruthacha’. Uime sin, gloir agus molla’ gu robh dhuitse, o ghliocais an Athair, gu’m molla’ agus gu’m beannaichea’ mo bheul, m’anamsa, agus gach uile ni cruthaichte thusa comhla. CAIB. XXII. Air Cuimhneachan Sochairean lionmhor Dhea. FOSGAIL o Thighearna! mo chridhe se ann do laghsa, agus teagaisg dhamh imeacha’ ann d’ aitheantaibh. Thoir dhamh do thoilse thuigsin, agus do shochairean [TD 122] araon go coitchionta agus go arai’ chuimhneacha’; le mor urram agus smuainteacha curamach; chum o so, gur urra’ dhamh buidheachas fiuntach thoirt dhuitse. Go deimhin is aithne dhamh agus tha mi ’g aideacha’, nach urra’ dhamh molla’ dligheach nan gras thoirt dhuit anns an chuid is ro lugha. Tha mi fein na’s lugha na gach uile ni math, air an toirt dhamh, agus an uair a’ta mi sealtuin air d’ fheothas sa, a’ta mo spiorad ag falaig, tre mead do chaoineas. Gach uile ni ’ta againe, araon, ann anam, agus ann corp, agus gach uile ni a’ta sinn, ag sealbhacha’ o leath-steach, agus an leath-amuigh; co acca o’n nadur no os-cion an naduir. Siad do shochairean th’ ann; agus a’ta siad ’g a do mholla’ sa, a’ta socharach, math; agus trocaireach; o’n tuair sinn gach uile math. Agus ghe, gu’n tuair an dara aon an tuille, agus an aon eile na bu lugha; ghidhea’ is leatsa an ’t iomlan; agus as d’ eagmhais’ cha b’ urra’ chuid bu lugha bhith aige neach. An ti, a thuair na sochairean lionor, cha’n urra’ dha bosd dheanamh as thoilteneas fein; no cheann sa thogail suas os-cion luchd-eile; no masla thoirt air an iochdaran (no’n neach is lugha); do bhri gur eisean is moa, agus is fearr, a chuireas an ni is lugha as leath fein, agus is irisealaiche, agus is crabhaiche ann an buidheachas thoirt seachad. Agus an ti, a mheasas e fein na’s suaraiche, na gach uile neach, agus a bheir breath air fein, mar an neach is mi-fhiuntaiche, ’se is ro iomchui’ chum na sochairean is moa ghlaca.’ Ach cha bu choir dhasan, a’ta tearc ’g an glaca’ bhith fo dhu-bhron, no ghabhail go olc, no fearmad ghabhail as an ti bheartach; ach na’s tocha thusa thoirt fanaire, agus do mhaitheas mholla’ go ro-mhor; chion gu bheil thu ag builleacha’ do thiolachdan go pailte, [TD 123] go saor, agus go toileach, as eagmhais meas nam pearsan. Tha gach uile nithe teachd uaite, agus air an abhar sin, anns gach uile tha thu re mholla. ’San dhuit is aithne ciod is ceart, re thoirt do gach aon neach; agus carson a’ta am beag aige an neach so, agus na’s pailte aige an neach ud eile: cha’ n e ar gnothach sa breath thoirt; ach buini’ se dhuitse, aige ’m bheil toilteneasa gach neach suidheichte. O so, o Thighearna Dhea! eadhon, measam mar shochair mhor, nach ’eil moran agam o’n tigea’ lathair mholla’ no gloir o’n leath-amuigh, agus reir nan daoine. Ionnas agus, nach bu choir do neach, air dha smuaineacha’ air bochduin, agus suarachais a phearsa fein, bhith air a chroma’ sios, no bron ghabhail, no bhith ann lag inntin le sin; ach na’s tocha bhith ann solas, agus aoibhneas; chion gu’n do thaogh thusa o Dhea! am bochd agus an t irisealach, agus iadsan a’ta fo thair aige ’n t saoghal, gu bhith mar chairdean caidereach agus mar luchd-tighe dhuit. Mar fhianuisean air so; d’ Apstoil fein, a shuidheich thu ’n am prionsuna air aghai na talmhuin uile. Ach ghidhea’, chaith iad am beatha sa ’san t saoghal so gan ghearan, go iriseal agus neo-lochdach, as eagmhais gach uile mio-run agus cealg; ionnas agus, gu robh iad le lan aiteas, ag fhulana’ spid airson d’ ainmse, agus an ni bha fuathach do’n t saoghal, ghlac iad e le tlas mor. Air an abhar sin, cha bu choir ni air bith, aoibhneas go mor thoirt dhasan, aige ’m bheil gradh dhuit, agus eolas air do shoilse annasan, agus gean-math d’ orduigh siorrui’ se dha; leis am bu choir dha bhith toileichte, agus air a chofurtacha’; ionnas gu bu mian leis cheart go toileach, bhith mar an neach is lugha; cheart go mor agus bu mhaith le neach eile bhith mar an neach bu mhoa; agus mar sin, bhith samhach agus toileichte [TD 124] leis an aite is ilse, mar anns an aite is airde: agus fos bhith toileach, bhith ’san t saoghal, suarach agus fo dhimeas, gan chliu air bith no ainm; agus bhithea’ tu, ghe gu tuga’ dhuit an tuille urram, na luchd-eile. Oir bu choir do d’ thoilse, agus gaol d’ anoirse dol roi gach uile ni, agus an tuille solas thoirt dha, agus eisean thoileacha’ na’s moa, na gach uile sochair, air an toirt, no re thoirt dha. CAIB XXIII. Air na ceithear Nitheibh a’ta toirt amach Sio-chainte mhoir. TEAGAISGI’ mi dhuit anois, mhic, slighe na sio-chainte, agus na fior shaorsuin. Dean, o Thighearna! an ni ’ta thu ’g ra’; chion gu bheil so taitneach dhamh sa re chluintin. Mhic, dean dicheall, chum toil neach eile dheanamh, na’s luaithe na do thoil fein. Taogh do ghna, na’s lugha bhith agad, na moran. Sir do ghna an t aite is ilse, agus bhith fo gheill aige gach uile. Runnaich agus guidh do ghna, gu’n deanar toil Dea go iomlan annad. Feuch! gu bheil an leathaid so do dhuine, dol asteach air criochaibh na sio-chiante agus na fois. Thighearna, is mor a’ta do sheanachas gaoraid se, ag cumail anna do iomlanachd; a’ta e beag ann briathraibh, ach lan do thuigse, agus pailte ann meas; oir na bithea’ e go fireanach air a choimhead leam; cha bhithin air mo chuirea’ ann buairea’ go furasda: oir go minic, agus mhothaicheas mi mi fein buairte agus gan fhois, gheabh mi mach gu’n do chul-shleamhnaich mi o’n teagasg so. Ach thusa o Thighearna! d’a bheil gach uile ni comasach, agus leis an taoil fas an [TD 125] anaim, meadaich annam an tuille grais, chum gu’m feuduin do briathra choiliona’, agus slainte m’ anaim se oibreacha’ mach. Urnuidh ann aghai’ Smuaintean olc. O THIGHEARNA mo Dhia! na imeich fada uam. Mo Dhia sa! thoir fanaire mo chuideacha’, chion gu’n d’eireich iomad smuaintean fa-leath annam, agus eagala mor ag cragha m’ anam. Cionnas theid mi seachad gan dochan, agus cia-mar bhriseas mi iad? Theid mise romhad deirse an Thighearna, agus ilseichi’ mi luchd-gloir na talmhuin, agus fosgali’ mi dorsan na gaintir, agus feuchai’ mi dhuit falachana na diamhair. Dean, o Thighearna! mar deir thu, agus teichi’ gach uile smuainte aingi’ o lathaireachd do ghnuis se. ’Se so mo dhochas agus m’ aon solas, ruithea’ na d’ ionsui’ anns gach uile triobloid, maille re earbs annad, ag gairmea’ ort o m’ uile chridhe, le duil an do sholas thighin ugam. Urnuidh airson Soileireachd na Inntin. SOILEIREICH mi, o Iosa mhath! le dealra’ an t solluis o’n leath-steach, agus thoir amach gach dorchachdas o ionad iomhnui’ mo chridhe. Cuir baca’ air mo smuainteibh lionor seacharanach, agus smachdaich na buairean a’ta toirt ionnsui’ fhoir-eigineach orm; cuir an cath go laidir air mo shon, agus thoir buaidhe air na biastaibh olc, deiream, na ain-mhiana bhuaireasach so; chum gu deanar sio-chainte ann do chumhachd, agus gu cluintea’ fuaim pailteis do mhol- [TD 126] lai’ se ann do chuairt naomh; ’se so, ’san choguis ghlan. Orduich do na gaothaibh agus na staoirmeibh, abair ris an fhairg bith samhach, agus ris a ghaoth o thuath, na seid, agus bithi’ ciuineas mor ann. Cuir amach do shollus, agus d’ fhirinn se, chum gu soilseich iad air an talamh; chion gur talamh diamhaoin agus fallamh mi fein; gus an soilleireich thu fein mi. Doirt anuas do ghras; uisgeich mo chridhe leis an druichd neamhail; thoir uisge na crabhachd seachad chum aghai na talmhuin ionnla’, chum tora’ math iomlan thoirt amach. Tog suas m’ inntin air a antromacha’ le eullach nan peacan, agus tarruin suas m’ uile mhian, chum na nithe neamhail; chum air dhamh milseachd sonais do rioghachd bhlasa’, nach gabh mi tlachd air bith, air smuaineacha’ nan nithe talmhui’. Tarruin agus fuasgail mi as solas uile mio-bhuan nan creatoirean; do bhri, nach ’eil e comasach do ni air bith cruthaichte mo ’mhian sa leor-shasacha’, no fois thoirt dha. Teannaich mi ruit le ceangal do-dhealaichte ghraidh; chion gu sasaich thu fein amhain an graidheor, agus as d’eagmhais fein, is faoin gach uile ni eile. CAIB. XXIV. Air Seachna’ Geur-cheasnacha’ Beathai Neach eile. MHIC, na bith deidheal, agus na toir thu fein thaireis gu an-churama gan fheam. Ciod e sin dhuit se, so, no sud? Lean thusa mise: oir ciod do ghnothach sa ris, ca acca a’ta duine so, mar so, no mar sin; no gu bheil an duine ud ag labhairt mar so, agus ag deanamh mar sud? Cha ’n ’eil thusa, gu freagar thoirt airson luchd [TD 127] eile; ach is eigin dhuit freagar thoirt air do shon fein. Air an abhar sin, carson a’ta thu ’g a d’ chuibhreacha’ fein leo. Feuch! is fiosrach mise air gach uile neach, agus air gach ni a’ta air an deanamh fo neamh; is leir, agus is aithne dhamh, ciod an doigh air bheil gach aon; ciod a’ta se smuaineacha’, ciod is mian leis, agus ciod is ceann do run sa. Uime sin, a’ta gach uile ni re bhith air an earba’ rium; ach air do shon sa, cum thu fein ann sio-chainte mhath, agus math do gach neach re gluastach, bhith ann an gluasa’ mar is aill leis: oir thig air fein, gach uile ni their, no ni e, do bhri, nach urra’ dha mise mhealla’. Na bhith fo throm churam airson sgaile am mhor ainm, ni mo, na iarr ro-eolas morain, agus na bith go sonruichte tre sirea’, air do gradhacha’ le neach air bith, oir tha sin ag ginea’ luainneasa inntin, agus dorchachdas mor ’san chridhe. Bu toileach labharuin m’ fhocul ruit, agus dh innsin mo diamhairean, na featha’ tu go curamach air mo theachd, agus gu fosgala’ tu doras do chridhe dhamh sa. Bith freasdalach agus dean faire ann urnuidheibh, agus ilseich thu fein anns gach ni. CAIB. XXV. Air na Nitheibh ’sam bheil Sioth dhaingean an Chridhe, agus an t Astar fireanach ag coi-sheasamh. MHIC, do thuairt mi, mo shio-chainte tha mi fagail agaibh, mo shio-chainte tha mi toirt dhuibh; cha ’n ann mar bheir an saoghal, bheiream sa dhuibh. Tha gach aon neach ag miannacha’ na sio-chainte; ach cha ’n ’eil gach uile gabhail curam do na nitheibh, a bhuineas d o’n fhior shio-chainte. Tha mo shio-chainte se maille ris an luchd iriseal agus macanta ann chridhe. [TD 128] Bithi’ do shio-chainte se ann foighidin mhor: ma dh eisdeas tu rium; agus ma leanas tu mo ghuth, feudai’ tu sio-chainte mhor mhealtuin. Thoir an aire dhuit fein, anns gach uile ni, ciod a’ta thu deanamh, agus ag ra’; agus sdiurr do run go lear, gus so; chum gu toileich thu mise ’mhain, agus nach iarr, agus nach miannaich thu aon ni ann taobh-amuigh dhim; agus air dad air bith, na toir breath ubhuin, thaobh deanatasa, no briathran luchd-eile; agus na cuir thu fein ni’s mo ann satha’ le nitheibh, nach d’ earbar ruit; agus feudae’ e bhith, le so, gur beag no gur tearc bhuairear thu. Ach ’s i sdaid na suaimhneis shiorrui’, bhith gan mothach eigin air bith buairei’, no gan chragh cridhe no cuirp fhulana’, agus ni e corr na beathai’ so lathair th’ann. Na faoil uime sin, gu’n tuair thu sio-chainte fhireanach, mar mothaich thu eullach air bith; ni bheil an t iomlan ann sin go maith, mar ’eil do-shoirbheas idir agad: ni mo tha so iomlan, ma tha gach uile, air an deanamh reir do thogar sa. Agus na meas thu fein ann sin, mar ni eigin mor, ni mo sheallas tu ort fein, mar aon go sonruichte air a ghradhacha’, ma ’se gu bheil thu ann cradhachd mor, agus milseachd; chion nach ann anns na nitheibh sin dh aithneichear fear-gaoil na subhailce, ni mo tha fas agus iomlanachd an duine coi-sheasamh annta. Creud ’sam bheil e uime sin? O Thighearna! ANN an toirt suas do chridhe go iomlan do ’n toil dhiadhai’; ni ann, ann sirea’ na’s leat fein, thaobh beag no mor, no thaobh am, no siorruidheachd; ionnas agus, gu mairr thu leis an ghnuis ceudna, ag toirt buidheachas araon ann am soirbheis agus do-shoirbheis, ag [TD 129] co-thromacha’ gach uile ni ’san mhaigh cheudna. Ma dfhasas tu go laidir, agus go fad-fhulanach ann dochas, agus gu’n deasaich thu do chridhe fein, chum an tuille ghiulana’, ’n uair tharruinear an solas on leath-steach uaite; agus nach fireanaich thu fein, mar neach, nach bu choir na nithe lionor sin ghiulana’; ach gu fireanaich thu mo cheartas, agus gu moll thu m’ ainm naomh ann m’ uile orduchaibh; ann sin triallai’ tu ann slighe direach agus fireanach na sio-chainte, agus bithi’ earbs cinteach agad, gu faic thu aris mo ghnuis ann mor aoibhneas. Ach ma ’se gu’n tig thu ionsui’ tair iomlan dhuit fein; bithea’ fios agad ann sin, gu meal thu pailteas na sio-chainte reir comais do chor fhogairteach air an talamh. CAIB. XXVI. Air Ardachd na Saoir Inntin, a’ta ’n Urnuidh iriseal ag toiltin, na’s fearr, na Leabha’. THIGHEARNA, ’se so obair an duine fhoirfe; bhith, gan fhuasgal thoirt go brach do’n anam o bheachda nan nithe neamhail: agus bhith dol air feadh iomad curam, mar gu bithea’ se gan churam air bith; cha’n ann reir nos an duine leisge, ach mar gu b’ e dlighe arai’ na saoir inntin bhith ann, nach dlu-lean ri ni air bith cruthaichte tre gradh ain-cneasta. Guidheam ort mo Dhia trocaireach sa! coimhead mi o churam uile na beathai so, air eagal gu cuibhreichear mi go anabarr leo; o mhoran uireasbhui’ cuirp, air eagal gu glacar mi le toileachas-inntin; o bhacaibh uile an anaim, an t eagal gu tiligear mi sios, air dhamh bhith briste le triobloideibh. Ni bheil mi [TD 130] ’g ra’ o na nitheibh so, a’ta diamhaoineas shaognalta ag santacha’ le lan togar; ach o na truaidheibh sin; a’ta, tre malluchd choitchionta ar basmhorachd, ag antromacha’, agus ag cumail air ais, mar phian, anaim d’ oglaoich fein; chum agus nach feuda’ e, dol asteach ann fuasgal spioraid, go tric is bu mhian leis. O Dhia, am melseachd do labhairte! tionda’ dhamh sa gach solas feolmhor, chum searbhas, a’ta ’g am’ tharruinea’ sa o ghradh nan nithe siorrui’, agus a’ta go aingi’ ’g am’ phrosnacha’ uige fein, tre gealtuin dhamh ni sonruichte math eigin, a’ta lathair. O mo Dhia! ’n a tuga’ fuil no feoil buaidhe orm, agus na faithea’ siad an lamh uachdar orm; na mealla’ an saoghal no ghloir ghaorraid se mi; na deana’ an Diabhol cealg orm le chleasachd sa. Thoir neart dhamh, chum dol ’n an aghai, foighidin, chum fulana’, agus bitheantas, chum seasamh gus an chrioch. Thoir unga’ cubhrui’ do spioraid dhamh, air son solasaibh uile an t saoghail; agus an aite gradh feolmhor, doirt annam gradh d’ ainm fein. Feuch! a’ta biadh, is deoch, agus gach aon ni feamail eile a bhuineas do chumail suas an chuirp, mar eullach throm do ’n spiorad theasmhor. Deonaich dhamh, gu gnathaich mi an leathaid sin do nitheibh le measarachd, agus nach cuibhreichear mi am feasd le mian ainmheasarach. Cha choir gach ni chuirea’ air chul, chion gur eigin, do’n nadur a chumail suas: Ach a’ta ’n lagh naomh ag toirmeasga’ an t anabarr shirea’, no na nithe sin a’ta ’mhain taitneach dhuinne; oir air achd eile, dfhasa’ ’n fheoil mio-naireach ann aghai’ an spioraid. Guidheam ort ’sna nitheibh so uile, gu’n teagaisgea’, agus gu’n sdiura’ do lamh mi, chum nach rachuin thar tomhas. [TD 131] CAIB. XXVII. Gu bheil an Speis uaigneach dha fein ag cumail air ais an Duine go mor o’n Ard-mhath. MHIC, is eigin dhuit an t iomlan thoirt air son an iomlain, agus bith dhiot fein mar neo-ni. Bithea’ fios agad gur moa dochan dhuit do gradh speiseal fein, na ni air bith eile, air an t saoghal. Tha gach aon ni reir an ghradh, no togar a’ta agad dha, ’g a d’ ghreamacha’ ris na’s moa, no na’s lugha. Ma bhitheas do ghaol sa glan, neo-lachdach, agus orduichte go maith, ni bith thu ann daorsa aige ni air bith. Na santaich an ni sin, nach choir dhuit bhith agad: na bithea’ an ni sin agad, a dfheudas do bhaca’ sa, agus am fuasgal o’n leath-steach thoirt uaite. Is iongantach e, nach earb thu thu fein rium o iochdar do chridhe go iomlan, maille ris gach uile ni is urra’ dhuit bhith agad no mhiannacha’. Carson a’ta thu air do chaithea’ as le mulad diamhaoin? Carson a’ta thu air do sgiothacha’ le curamaibh gan fheam? Seasamh ri mo ghean-math sa, agus cha’n fhulain thu call air bith. Ma shireas tu so, no sud, agus ma’s aill leat bhith ann so, no ann sud, air sga do buantachd fein, agus air sga do thoileachas arai’ fein, chum an tuille bhith agad, cha tig an la bhitheas tu ann fois no saor o anachuram; do bhri gu’m faithear anns gach uile ni cronn eigin, agus anns gach uile, bithi’ neach eigin a bheir crois dhuit. Air an abhar sin, cha’n e gach uile ni air a fhaotuin, no air a mheadacha’ o’n leath-amuigh a ni feam dhuit; ach an tair agus an gearra’ sa o’n bhunn, as an chridhe. [TD 132] Agus cha ’n e ’mhain gu b’aill leam, gu’n tuigea’ tu so, thaobh airgead agus bearteis; ach fos thaobh gean-mhian onoir, agus togar mollai’ dhiamhaoin, a’ta dol thart maille ris an t saoghal. Is beag am feam bhitheas ’san aite, ma bhitheas spiorad na teasmhorachd dhioth ort; agus ni mo sheasas an t shio-chainte sin, a’ta air a sirea’ o’n leath-amuigh; ma tha bunachar fireanach dhioth air cor do chridhe, ’se so, mar seasamh thu annam sa; feudae’ tu an t aite chaochla’, ach cha’n fhas thu na’s fearr. Oir, air eireagh do’n cho’-rom agus a ghabhail, gheabh thu ni sin o’n theich thu, agus an tuille na sin. Urnuidh chum glana’ Cridhe, agus dfhaotuin Gliocais neamhail. DAIGNEICH mi Dhia tre gras an Spioraid Naoimh: thoir spiona’ dhamh, chum bhith air mo choi-neartucha’ anns an duine o leath-steach, agus chum mo chridhe fhuasgala’ as gach anachuram gan fheam agus triobloid. Na leig dhamh bhith air mo shlaoda’ le togaraibh fa leath gach aoin ni suaraich no luach-mhoir; ach thoir dhamh, gu seall mi orra, mar nithe ’ta dol thart, agus orm fein, mar neach a theid thart maille riu: do bhri, nach ’eil ni seasmhach fo’n ghrein; far ann diamhaoineas agus cragh spioraid gach uile ni. O, cia glioc an ti, a sheallas air gach uile ni, air an achd so! Thoir dhamh, o Thighearna! gliocas neamhail, chum gu’n ionsaich mi os-cion gach ni, thusa shirea’ agus fhaotuin, do ghradhacha’ thar gach uile, agus blas bhith agam ort; agus an chuid eile uile thuigsin reir orduigh do ghliocais fein, mar ata siad. Deonaich dhamh claona’ go crionta o’n ti ni meadal rium, agus giulana’ go foighidineach ris an neach, a bheir an aghai-ra’ [TD 133] dhamh: chion gur mor an gliocas so, nach gluaisear neach leis gach uile gaoth bhriathran, ni mo bheirear cluas do’n mhurradhaich aingi’ mhealtach: Oir air an doigh so theid an slighe air a ghalca’, air adhairt go dionach. CAIB. XXVIII. Ann aghai Teagan an Luchd-cul-chaine. MHIC, na giulain go olc, ma smuaineicheas sluagh eigin olc ma do thimcheall, na ma their iad an ni noch maith leat go toileach chluintin. Bu choir dhuitse na bu mheasa smuaineacha’ ma do thimcheall fein, agus chreidsin nach’eil aon neach is laige na thu fein. Ma dh imeicheas tu o’n leath-steach, cha chuir na briathran itealach, ach beag baol ort. Cha bheag an gliocas bhith samhach, ann am an uilc; agus bhith air piltin asteach ugamsa, agus gan bhith ni’s mo air a bhuairea’ le breathanas dhaonna. Na bithea’ do shio-chainte ann beul nan daoine; oir co acca chuireas iad dealbh math no olc air na their, no ni thu; tha thu direach ceart mar bha thu, an duine ceudna. C’aite am bheil an fhior shio-chainte, agus an gloir fireanach? Nach ann annam sa? An neach air nach’ eil togar nan daoine thoileacha’, no eagal am mio-thoileacha’ sa, mealai’ se sio-chainte mhor. Tha mio-fhois uile an chridhe, agus seacharan uile nan ceadsan ag eireagh o ghradh ain-cneasta agus eagal diamhaoin. [TD 134] CAIB. XXIX. Cionnas ata Dia re bhith air a ghairmea’, agus air a bheannacha’ ann ’sna Triobloideibh. BITHEA’ d’ ainm se, o Thighearna beannaichte go siorrui’! do bhri, gu’m b’aill leat am buairea’, agus an triobloid so thighin orm. Cha’n urra’ mi a sheachna’, ach tha feam agam air ruithea’ na d’ ionsui’ se; chum gu’n toir thu comhna’ dhamh, agus gu pill thu e ann math dhamh. O Thighearna! ata mi nois ann triobloid, agus tha foimeachd cheart aige mo chridhe; ach ata mise go trom air mo chragha’ leis an triobloid so lathair. Agus anois, Athair ionmhuin! ciod their mi. Ata mi air mo ghlaca’ am measg nan teannacha: Dean fuasgal orm ’san uair so. Chum na crioch so, thanaig mi chum na uair so; chum agus gu bithea’ tu air do ghloireacha’, an uair dh ilseichear mi go mor; agus gu saorar mi leat. Gu’m bu taitneach leat, o Thighearna! gu teasruigea’ tu mi. Oir ata mi bochd, agus ciod is urra’ dhamh dheanamh, agus as d’ eagmhais, c’aite an teid mi? O Thighearna! thoir foighidin dhamh fos ’san am so. Cuideich mi mo Dhia, agus ni gabh mi eagal cia mead air bith bhitheas mi air mo sharacha’. Agus anois ann meadhan nan nithe so; ciod their mi? ach Thighearna gu deanar do thoilse; thoill mi go maith, bhith araon fo thriobloid agus air mo sharacha’. Is eigin dhamh go deimhin a ghiulana’; o, nach deanuin sin go foighidineach; gus an teid an stoirm thart, agus gu deanar an uair na’s fearr! Ach tha do lamh uile-chumhachdach, eadhon, comasach air am bhuairea’ so thoirt uam, agus a fhoir-neart sa chiuineacha’, air eagal [TD 135] gu’n tuit mi go iomlan fui’: mar rinn thu au cead uair agus go tric dhamh roi se, o mo Dhia, mo throcair se! Agus mar is moa ata so cruaidh ormsa, is furaisde go mor an t arrach so dheanamh le lamh an ti is airde. CAIB. XXX. Air Tora’ an Chuideachd dhiadhai’ agus Muingean an Ghrais air ath-fhaotuin. MHIC, is mise an Tighearna, a bheir neart an la na triobloid; thig ugamsa,’ n uair nach’ eil an gothach dol leat go maith. ’Se so ni a’ ta go mor ag baca’ an t solais neamhail; gu bheil thu mall ann thu fein thionda’ chum urnuidh. Oir roi dhuit mise ghuidhea’ go durachdach, tha thu sirea’ ’san am cheudna ioma solasan, agus ’g a do thoileacha’ fein leis na nitheibh o’n leath-amuigh; agus uime sin, tachairi ’se, gur beag ni t iomlan feam dhuit, gus an toir thu fanaire, gur mis’an ti a thearuineas an dream ’a ta cuirea’ an earbs annam; ni mo tha’n taobh-amuigh dhim cobhar comasach, no comhairle tharbhach, no eadhon, leigheas buan ’sam bith. Ach nois air ath-ghlaca’ dhuit an spioraid, fas laidir ann deidh an stoirm ann sollus mo throcairean sa; do bhri, gu bheil mi fogus, deirse an Tighearna, chum gu caraichin suas an t iomlan, cha ’n e ’mhain, gus an lan, ach go barrach, agus go pailte. Am bheil aon ni cruaidh dhamh; no ’m bith mi coslach ris an ti a their agus nach coilion. C’aite bheil do chreideamh sa. Seasamh go daighean maille ri buan-sheasmhachd. Bithea’ foighidin agad, agus bith do dhuine neartmhor; thig solas ugad ’na am fein. Fan [TD 136] rium, fan, thig mi, agus slanaichi’ mi thu. ’Se buairea’ann, a ’ta ’g a do chragha’ sa, agus is eagal faoin’ ann, a’ ta cuirea’ oilte ort. Ciod ata t anachuram sin, ma thimcheall nan nithe tuitemeach sin re thighin, ag toirt ugad, ach gu bithea’ bron air muin bron agad. Is leoir do’n la uilc fein. Is neo-tharbhach agus is diamhaoin an ni, bron no gairdeachas ghlaca’, ma na nitheibh re thighin, a theagamh nach tachair go siorrui’. Ach tha ’n duine buailteach le bhith air a mealla’ le leathaid so do smuainteicheibh, agus is cothar e, air an anam a’ta fosd lag, a bhith air a tharruinea’ go furasda chum ceilg-chogair an mamhaid. Oir is coidheis leisean, co acca is ann le nitheibh fior no breagach ni e fanoid ort, agus mheallas e thu; co acca thiligeas e thu thaireis le gaol nan nithe a’ ta lathair, no tre eagal nan nithe re theachd. Air an abhar sin, na bithea’ do chridhe fo thriobloid, no fo eagal. Creid annam sa, agus bithea’ earbs agad an mo throcair. An uair shaoileas tu thu fein bhith fada uam, is tric ata mi na’s foisge dhuit. An tra mheasas tu an t iomlan cailte ach beag; ann sin go tric tha thu air slighe na cosain mhoir, agus na toilteneis. Cha ’n ’eil an t iomlan cailte, gach uair, air an tachair rud, air an t sheol, nach bu maith leat. Cha choir dhuit breath thoirt, reir am mhothach a ’ta lathair, na thu fein thoirt thaireis ann leathaid do achd, gu triobloid air bith, cia taobh air bith o tig i, no ghabhail go olc, mar gu’n tuga’ tu gach earbs thaireis, bhith air do thearuinea’ as. Na saoil thu fein bhith air do fhagail go iomlan, ghe gu cuirin car tamul triobloid eigin ugad’, no fos, gu tarruinin uaite an solas taitneach, is mian leat; oir ’se so’n slighe gu rioghachd nan neamh. Agus gan amharas air bith, tha so na’s tarbhaiche dhuitse, agus do’n chuid [TD 137] eile do m’ oglaochaibh; chum gu’m bithea’ sibh air bhur gnathacha’ le amharraibh; na gu bithea’ gach uile ni agaibh reir bhur ’n aill. Is aithne dhamh na smuaintean uaigneach; do bhri, gu bheil e ro iomchui’ chum slainte d’anamsa, gu’m fagar thu air uairean gan bhlas, air eagal gu’n togar suas thu le deagh shoirbheas, agus nach gabha’ tu tlachd anns an ni sin, nach’eil annad; an ni thug mi, feudae’ mi thoirt’ air falbh aris, agus thoirt seachad air ais, an uair is aill leam. An tra bheir mi e, is leam fein fos e, an uair tharruineas mi uaite aris e, cha’n’ eil mi gabhail ni do d’ chuid se; chion gur leam fein gach uile deagh thabhairt, agus gach uile tiolaca’ iomlan. Ma chuireas mi ugad antromachd, no do-shoirbheas air bith; na bith re gearan, agus na tuitea’ do chridhe sios. Oir is urra’ dhamh do thogail se suas go eallamh aris; agus an eullach uile thionda’ gu gairdeachas. Ach ghidhea’ sin, ata mi co-thromach agus go ionmholta go mor, an uair ’sam bheil mi mar sin ag buintin ruit. Ach ma tha thu smuaineacha’ go ceart, agus ag beachda’ na firinn: cha bu choir dhuit bhith air do thiligea’ sios go brach, na bhith fo bhron go mor, airson tarsuineachd air bith; ach aoibhneas dheanamh na’s tocha, agus buidheachas thoirt seachad; seadh an aon ni so mheasa’, mar aoibhneas; nach ’eil mi ’g a do chaomhna’ sa, air dhamh do chragha’ le bronaibh; mar ghradaich an t Athair mise, is amhuil sin, do ghradhaich mise sibhse: do thuairt mi re mo dheisciobluibh ionmhuin se, an dream nach do chuir mi go deimhin ionsui’ aoibhneasa aimsireal, ach ionsui’ cathan mor, cha’n ann, chum onoirean, ach gu tairean, cha’n ann, chum diamhaoineas, ach gu saothairean, cha’n ann chum fois, ach gu tora’ math thoirt amach ann foighidin. Cuimhneich, o mo mhic! air mo bhriathaibh sa so. [TD 138] CAIB. XXXI. Air Dearmad gach uile Creatoir, chum gu’m feudar an Cruthadair fhaotuin. THIGHEARNA! tha feam agam go mor, fosd air an tuille grais; m’ is eigin dhamh teachd go fad air m’ adhairt, far nach bith e ann comas neach air bith, no aon ni cruthaichte mo bhaca’. Oir, cia fad agus chumas ni air bith mi; cha’n urra’ mi ruithea’ go saor ann d’ionsui’ se. Bu mhian leis an ti sin dol air iteag, a thuairt, co bheir dhamh sgiathan mar cholmain, agus theid mi air iteag, agus bithea’ mi aig fois? Ciod bhitheas aig tamh na’s moa, na’n t suil neo-lochdach a’ta sealtuin do ghna air Dia? Ciod an ni’ ta na’s fuasgailte, na neach, nach’eil miannacha’ dad air an talamh. Is coir do’n duine, air an abhar sin, dol thaireis, agus direa’ suas os-cion gach uile ni cruthaichte, agus e fein fhagail go iomlan, agus seasamh ann anabarrachd inntin, agus a fhaicin, nach’ ’eil agad sa, Chruthadair nan uile! aon ni coslach ris na creatoireibh. Agus mar bith neach fuasgailte o gach uile ni cruthaichte, cha’n urra’ e go saor an aire thoirt air na nitheibh neamhail. Agus uime sin, is tearc an dream gheabhar ’n an luchd fein chuirea’ air leath-taobh go lear o na nitheibh, a sgriosar, agus o na creatoireibh. Chum so, is mor an gras a’ta air iarra’ chum gu’n ardaichea’ e t anam, agus gu’n toga’ se suas e os a chion fein: Agus mar bith an duine air ardacha’ ann spiorad, agus air a shaora’ o gach uile ni cruthaichte, agus air a cheangala’ uile re Dia; ciod air bith is aithne dha, agus ciod air bith a’ta aige; cha mhor is briogh dha. [TD 139] Is fad an uine bhitheas e beag, agus laitheas e iosal, a mheasas ni air bith mor, ach amhain an t aon math do-thomhaiste agus siorrui’. Agus ciod air bith ni, nach e Dia e, is neo-ni e: agus bu choir dha, bhith air a mheasa’ mar an lom neo-ni. Tha dealacha’ mor, ann eadar-gliocais an duine shoilseichte agus chrabhaich; agus eolais an duine fholuimte, agus an chleireich thionsgalaich. Is flathaile go mor am folum sin a’ta srutha’ nuas o’n chumhachd dhiadhai’, na folum sin a gheabhar le saothair tre deas-chiall an duine. Tha moran sluaigh air am faotuin, leis am mian an choi-beachda’, ach ni gabh iad curam na nithe sin, ghnathacha’ a’ta air iarra’ uige. Tha e na bhaca’ mor, chion gu bheil sinn ag seasamh air cothraibh agus air nitheibh mothachail, agus nach’ eil ach am beag againe do ’n smachdacha’ iomlan. Cha’n aithne dhamh, ciod e, no co spiorad, leis an treoreichear sinn, agus ciod tha sinn gabhail oirne fein, a’ta toileach ann an coslach, bhith air ar gairmea’ spioradalta; agus gu gabha’ sinn saothair go anabarr, agus gu bithea’ anachuram go mor oirne, ma nithe suarach; agus nach bithea’ ar ceadfan againe, ach gann re cheille; chum smuaineacha’ air ar leath-steach fein. Mo thruaidhe! ann deidh cuimhneachan beag, air ball, leamai’ sinn amach assaine fein aris; ni mo cho-’romaicheas sinn arn oibre fein tre ceasnacha’ tean; agus ni seall sinn c’aite bheil ar togara sa ’nan laithea’, agus ni mo chaonas sinn, cia neo-ghlan a’ta gach uile ni, a ni sinn: Oir thruaill gach feoil a slighe fein, agus uime sin, lean an tuile mhor i; air an abhar sin, an tra ata ar togar o’n leath-steach go trom air a thruaillea’, is eigin ann sin, gu bith an gniomh, ag leantuin as, eadhon clar-innsea’ uireasbhui’ an treunais o’n taobh-steach [TD 140] air a thruaillea’: amach as an chridhe ghlan, thig tora’ an deagh bheathai. Sirear amach; cia mead a rinn neach, ach cia mead an t subhailce, leis am bheil se ’g a dheanamh, ni tomhaisear go tionsgalach e. Ma bha se neart-mhor, beartach, maiseach, inleachdach, no ’n a dheagh sgriobhoir, no na cheoloir math, ’na oibreich math; lorgaraichear so mach; ach cia bochd, bha se ann spiorad, cia foighidineach agus caomh, cia crabach agus suidheichte o taobh-stigh, cumar so samhach le moran. Tha nadur ag amharca’ air nitheibh iomallach an duine, ach ata ’n gras ’g a thionda’ fein chum na nithe o’n leath-steach do duine. Tha nadur go tric mealta, tha gras’g earbsa’ ann Dia, chum nach meallar e. CAIB. XXXII. Air arn Aich-euin fein, agus Diulta’ gach uile Sannt. MHIC, cha ’n urra’ dhuit saorsuin iomlan bhith agad; mar aich-euin thu thu fein go lear. Tha luchd an sirea’ fein uile, agus an luchd graidh fein ceangailte le cuibhreachaibh, lan do thogaraibh, do churam, neo-shuidheichte, ag sirea’ an sochair fein do ghna, ni iad na nithe a bhuineas no Iosa Criosd; ach ata iad go tric re inleachd, agus ag dealbha’ an ni sin nach seasamh. Oir thig an t iomlan gu neo-ni, nach ’eil teachd o Dhia. Cum an focul gear agus coilionta so; treig gach uile ni, agus gheabh thu gach uile ni: fag an sannt, agus thig thu air fois; lamhaich so go maith ann d’ inntin; agus an uair choilionas tu so, tuigi’ tu gach uile ni. Thighearna; cha’ n e obair aoin la tha ann so, ni mo ’se cluich na cloinne tha’n! seadh ’san ’san fhocul [TD 141] ghear so, a’ta iomlanachd nan daoine diadhai’ uile air a cho-dhuna’. Mhic, cha choir dhuit bith air do philtin air d’ ais, no bith air ball air do thilgea’ sios; air dhuit slighe nan foirfeachd chluintin; ach ann aite sin, bhith air do phrosnacha’ le sin, chum nithe ard ghabhail fo laimh; na anns an chuid is lugha, bhith ag osnacha’ tre mian ann deidh nan nithe sin. Bu maith leam an gnothach bhith agad mar so, agus gu tigea’ tu air d’ adhairt go fad so; chum agus nach bithea’ tu’na do ghraidheor dhuit fein; ach gu seasamha’ tu go iomlan air mo smeid se, agus air smeid an ti a shuidheich mi ’nam Athair tbaireis ort: ann sin toileichi’ tu mise go mor, agus racha’ do bheatha sa uile thart ann aoibhneas agus sio-chainte. Tha moran agad fosd re threigsin; mar aonduich thu dhamh iad uile gan fhuileach, ni faith thu an ni’ta thu ’g iarra’. Comhairleicheam dhuit or air a dhearbha ’san teine cheannacha’ uamsa, chum gu deanar saoibhir thu, ’se sin, gliocas neamhail a’ta soltara’ gach ni talmhui fo chois. Cuir air chul gliocas na talmhuin, agus gach uile fein shirea’, chum thu fein agus an saoghal thoileacha’. Dubhairt mi, gu bu choir dhuit na nithe ard, agus iadsan a’ta luach-mhor an sealla dhaoine thoirt seachad; chum na nithe sin cheannacha’ a’ta air am measa’ suarach. Oir a’ta ’m fior ghliocas neamhail air a fhaicin araon beag agus suarach, seadh, agus air a leubhairte thaireis chum dio-chuimhne le daoine: an gliocas sin a’ta ’g innsea’ dhuinne beachd iosal bhith againe duinne fein, agus gan bhith sirea’, bhith mor air an talamh so; a’ta moran ’g a molla’ le’m beul, ach ’n an caithea’ beathai se, a’ta iad fad uaipe: Ghidhea’ sin, ’se so chlach luach-mhor sin, a’ta folluichte air moran. [TD 142] CAIB. XXXIII. Air Neo-sheasmhachd an Chridhe agus air Seola’ ar Run deireanach gu Dia. MHIC, na creid do thogarsa, a’ta nois lathair agad; oir arraichear e go grad, chum aon eile. Am fad agus bhitheas tu beo, tha thu buailteach le caochla, eadhon ann aghai’ do thoil; ionnas gu bheil thu air ’d fhaotuin air uairean, aoibhneach, air uairean bronach, air uairean socarach, air uairean triobloideach; nois crabhach, ’n am eile neo-chrabhach; nois tionsgalach, ’n am eile leasg; nois trom, ’n am eile aotrom; ach a’ta eisean a’ta glioc agus teagaisgte ann spiorad ag seasamha’ os-cion nan arrachan sin uile, gan smuaineacha’ air an ni sin, a’ta se mothacha’ ann fein, no air cia taobh o’n seid gaoth na caochlaideachd; ach a’ta run iomlan inntin se suidheichte, chum gu ruigea’ se air chrioch dhligheach, agus air a miannacha’ go mor. Air an doigh so, feudae’ se mairrea’ mar aon ’san aon sdaid, gan bhith air a chratha’, air dha, suil a ruin neo-lochdaich sdiura’ ugamsa do ghna, air feadh gach uile tachairt, a thig air. Oir mar is gloine bhitheas suil an ruin, mar is fearr is urruin neach dol troimhe nan sionntan fa-leath sin; ach ann moran, tha suil an ruin ghloine, dorch; oir seallai’ sinn go eallamh, chum ni air bith taitneach a thig ’n ar slighe. Oir is tearc a’ta neach re fhaotuin saor go lear, o gach uile fein shirea’. Mar sin, thanaig na Iudhaich roi so, gu Beathania chum Martha, agus Muire, cha ’n ann airson Iosa ’mhain, ach chum agus gu faicea’ siad Lusarus. Air an abhar sin, is eigin gu glanar suil an ruin, chum gu bith i direach agus neo-lochdach; is eigin dhi bhith seolta ugamsa thaireis air gach cusbair fa-leath, a thig ’na rod sa. [TD 143] CAIB. XXXIV. An Ti aige bheil Gradh do Dhia thar gach uile Ni, gheabh e Blas air Dia anns gach uile Ni. FEUCH! mo Dhia, agus m’ iomlan; ciod is aill leam thuille so, agus ciod na’s sona is urra’ mi mhiannacha? O am focul mileis agus blasta! Ach dhasan leis an toil am socul; cha’n e ann saoghal, no na nithe ’ta ’san t saoghal. Mo Dhia, agus an t iomlan. Is leoir a’ta air a ra’ risean a’ta tuigsin; agus sin go minic air airisea’, is aoibhneach e do’n fhear-ghaoil: oir air dhuit bhith lathair, a’ta gach uile ni toirt solas; ach air dhuit bhith as an t sealla, ’ta gach uile mio-bhlasta. Is tu a toirt fois cridhe, agus an sio-chainte mhor, agus an t aoibhneas taitneach. Is tu bheir oirne smuaineacha’ go maith air gach aon, agus do mholla’ sa anns na nitheibh uile; ni mo is urra’ do ni ’sam bith, bhith taitneach fada as d’ eagmhais: ach is eigin do d’ ghras bhith lathair, chum a dheanamh taitneach agus so-bhlasta, agus is eigin do sin, bhith deasaichte le an-loin do ghliocais fein. Eisean aige ’m bheil blas ort, ni bheil aon ni nach ’eil dhasan blasta. Agus an neach aige nach ’eil blas ort, ciod an tlachd is urra’ dha bhith aige? Ach tha luchd-gliocais an t saoghail agus luchd-iongantais na feola, fad amach o bhlasa’ do ghliocais se; do bhri, gu bheil moran diamhaoineas ann sud, agus gheabhar am bas ann leanachd na feola. Ach iadsan, a’ta ’g a do leantuin se, tre dimeas nan nithe saoghalta, agus marbh-chlaoithea’ na feola, tha iad fiosraichte go deimhin bhith glioc; chion gu bheil iad air an aisigea’ o dhiamhaoineas gu firinn, o’n fheoil gus an spiorad: do’n dream so, tha [TD 144] Dia blasta; agus ciod air bith do mhath, a’ta air fhaotuin anns na creatoireibh, a’ta siad ag fagail an iomlan chum molla’ an Cruthadair se. Is mor agus is ro mhor dealach taitneis an Chruthadair, agus an chreatoir, na siorruidheachd, agus na aimsir, an t solluis neo-chruthaichte, agus an t solluis air a shoilseacha’. O sholluis shiorrui’ a’ta dol thaireis air gach uile sollus cruthaichte! dealanaich amach do shoilse os ard, a theid troimhe meadhana uile mo chridhe. Glan, altram, soileireich, agus beathaich mo spiorad sa maille ri uile chumhachdaibh se; chum gu sluigear dhuit e sios ann nealaibh aoibhneach subhach. O! cuine thig an uair so-mhiannach, agus bheannaichte so, chum gu sasaich thu mi le do lathaireachd sa, agus gu bhith thu dhamh, mar gach uile ni, anns na uile nitheibh? Am fad agus nach deonaichear so dhamh, ni ’m bith mo ghairdeachas slan. Mo thruaidhe! tha sean duine fosd beo annam, ni bheil e go lear air a cheusa’, ni bheil e go iomlan marbh; a’ta se miannacha’ fosd go laidir ann aghai’ an spioraid, a’ta se re coga’ ’san taobh stigh dhim, agus ni fulain e do rioghachd m’ anaim, bhith ann ciuineas. Ach thusa, o Thighearna! a’ta rioghacha’ thaireis air cumhachd na mara, agus a’ta ciuineacha’ gluasan a tuinn se; eireich agus cuideich leam; sgaoil as cheille an sluagh, leis ann aill an coga’, agus brugh iad ann do neart. Guidheam ort, taisbean amach do ghniomharan iongantach, agus bithea’ do lamh dheas air a gloireacha’; do bhri, nach ’eil dochas no fasga’ eile agam; ach annad sa (amhain) Thighearna mo Dhia! [TD 145] CAIB. XXXV. Ni bheil lan Dion o Bhuairea’ sam Bheatha so. MHIC, cha ’n ’eil thu chaoidhe tearuinte ’sam bheatha so; ach co fada agus bhitheas tu beo, tha airm spioradalta feamail dhuit do ghna. Tha thu caithea’ do bheatha am measg nan namhaid, agus bheirear ionnsui’ ort o’n lamh dheas, agus o’n lamh chli. Air an abhar sin, mar dean thu feam do sgiath na foighidin air gach taobh, cha bhith thu fad as eagmhais leon. Bhar air sin, mar cuir thu do chridhe suidheichte annamsa, maille re toil dhireach, chum gach uile nithe fhulana’ air mo shon sa; cha ’n urra’ dhuit teas a chogai’ so ghiulana’, no teach chum buaidhe nan Naomh bheannaichte. Air an abhar sin, is cubhai’ dhuit dol go fearoil troimhe gach uile, agus lamh laidir ghnathacha’ ’n aghai’ gach uile ni, a thig ann d’ aghai’ se. Oir bheirear am manna d’a ti bheir buaidhe, agus fagar na truaidhean lionmhor aige an lundaire. Ma shireas tu fois anns am bheatha so; cionnas ann sin, thig thu ionsui’ na fois shiorrui’? Na cuir thu fein, chum fois mhor shirea’; ach chum mor foighidin. Sir am fior fhoighidin, cha ’n ann air an talamh, ach air neamh, cha ’n ann measg nan daoine, no measg nan nithe cruthaichte; ach ann Dia ’mhain. Bu choir dhuit gach uile ni go toileach fhulana’, airson gaoil Dhea, eadhon, gach saothair, gach bron, gach buairea’, gach triobloid, gach iomaguin, gach eigean, gach tirmeachd, gach eacoir, gach cul-chainte, gach cronnachd, gach irisealachd gach naire, gach smachd, agus gach uile tarchuisne. Tha na nithe so ’g ar cuideacha’ chum [TD 146] subhailce, tha siad ag dearbha’ ur-oganach Chriosd, tha siad ag deanamh an chruin neamhail. Bheir mise seachad duais shiorrui’ airson an t saothair ghear so, agus gloir iomadach airson an naire sin car tamul. Am bheil thu saoilsin, gu bith solasan spioradalta agad do ghna, an uair is aill leat? Cha robh an leathaid sin, do ghna aige mo Naoimh se; ach ann aite sin, triobloidean lionmhor agus buairean fa-leath, agus dolasan mor. Ach ghiulain iad, iad fein go foighidineach anns gach uile, agus bha ’n earbs sa na bu mhoa ann Dia, no annta fein: air fios bhith acca, nach fiu fulanasan na aimsir so, chum bhith air an cuirea’ ann coimeas ri toilteneas an ghloir re theachd. An aill leat sin bhith agad air ball; is gann a fhuair moran ann deidh nan deoir lionmhor agus na saothairean mor. Fan ri Dia, dean go duineal, gabh misneach; na caill dochas, na tuit air falbh: ach thoir suas araon d’anam agus do chorp, chum gloir Dhea. Bheir mise duais go pailte dhuit; agus bithi’ mise fein maille ruit anns gach uile triobloid. CAIB. XXXVI. Ann aghai’ Breathanasa dhiamhaoin nan Daoine. MHIC, leig do chridhe go daighean air an Tighearna, agus na gabh eagal as breathanas dhaonna; an uair bheir do choguis fianuis ort, thu bhith crabhach agus neo-chiontach. Is sona, agus is math, bhith ag fulana’ air an doigh so; agus ni mo bhitheas so trom do’n chridhe iriseal, aige bheil an tuille earbs ann an Dia, no anna fein; ata moran ag ra’ moran, agus air an abhar sin, ata beag creideas re thoirt dhoibh. Ach cha’n ’eil e comasach gach aon neach thoileacha’. Oir, ghe [TD 147] gu’n d’rinn Pol a dhicheall, gach uile thoileacha’ ’san Tighearna, agus gu’n d’ rinnead e mar an t uile do gach uile neach; ach anns an am cheudna, ni d’ rinn e, ach beag suim dhe; gu’n tugar breathanas air le la an duine. Rinn e na’s leoir, agus mhead is a bha na comas, agus b’urruin e, chum togail suas (na diadhachd), agus slainte luchd-eile; ach cha b’urra’ dha bhaca’, e fein bhith air uaireibh fo bhreathanas agus tair luchd eile. Uime sin, dh earb e t iomlan ri Dia, d’am b’aithne an t iomlan, agus dhion se e fein le foighidin agus irisealachd, ann aghai’ beoil luchd labharai’ ’n uilc, no fos luchd smuaineachai’ nan nithe faoin agus cronnail ma thimheall, agus luchd tiligei’ nan nithe suarach air, reir an toil. Ach ghidhea’ sin, thug e freagar dhoibh air uaireibh, air eagal gu’n ginear masla’ do’n dream lag, amach a thosd sa. Co e thusa, gu gabha’ tu eagal a duine basmhor? An diu ’ta se, agus amarach ni faicear e. Bithea’ eagal Dea ort, agus ni cuir oilte nan daoine fiamh ort. Ciod is urra’ aon neach dheanamh ort tre briathran, no eacoirean? Ni iad dochan airsan na’s tocha na ort sa; cha ’n urra’ e teichea’ o bhreathanas Dea; ciod air bith neach e. Bithea’ Dia agad roi do shuilean, agus na bith re consboid le briathraibh gearanach. Agus ma ’se, reir coslach, gu’n tugar buaidhe ort an-ceart uair, agus gu bheil thu ag fulana’ na tair sin, nach do thoill thu; na bith re gearan, agus na dean do chrun sa na’s lugha, tre mio-fhoighidin; ach seall suas na’s tocha orm sa air neamh a’ta comasach air do thearuinea’ as gach uile naire, agus eacoir, agus thoirt do gach aon neach reir a ghniomhara sa. [TD 148] CAIB. XXXVII. Air Geilleachdain glan agus lan Dhinn-fein, chum Fuasgal Chridhe fhaotuin. MHIC, fag thu fein, agus gheabh thu mise, seasamh gan raoghain, agus gan bhith ’g a do shirea’ fein, agus cosaini’ tu do ghna. Oir cuirear an tuille grais ruit, go luath agus bheir thu thu fein thaireis dhamh, gan thu fein ath-thogail aris. Thighearna cia tric bheir mi mi fein suas, agus creud na nithe anns an fag mi mi fein? Do ghna, agus anns gach uile uair, maraon anns an ni a’ta beag, mar anns an ni sin a’ta mor. Dealach cha dean mi; ach is aill leam thusa bhith air d’ fhaotuin ruisgte anns gach uile nithe; air achd eile, cia-mar is urruin e bhith, gur leam sa thu, agus gur leatsa mise: mar bibh thu saor de do thoil arai’ fein, asteach is amuigh? Agus mar is luaithe ni thu so, mar is fearr bhitheas e dhuit: agus mar is laine, agus mar is direiche ni thu e, mar is moa thoileicheas tu mise, agus mar is moa, mar sin, chosaineas tu fein. Tha cuid ’g an toirt fein suas dhamh; ach sin fein, le cumail air ais ni eigin; oir ni bheil iad ag earba’ go iomlan ri Dia; agus air an abhar sin, tha iad dicheallach chum solar dheanamh dhoibh fein. Tha cuid eile, eadhon ag toirt suas an iomlan ’san toiseach; ach ann deidh sin, air dhiobh bith buailte le buairea,’ tha iad ag piltin air an ais chum an cead, agus toil arai fein; uime sin, is beag an t astar ’ata iad ag deanamh ann subhailce. Agus ni tig iad ionsui’ fuasgal fireanach an chridhe ghloin, agus chum gras mo chaidereis aoibhneach sa; mar toir iad iad fein suas go lear anns an toiseach, agus [TD 149] mar dean iad iobairt lathail dhiu fein dhamh sa; as eagmais so, cha ’n eil e seasamha’, agus ni seasamh ceangal diadhai’. Thuairt mi go minic ruit, agus nois aris tha mi ’g a ra’: fag thu fein, agus thoir thu fein suas dhamh, agus mealai’ tu sio-chainte mhor o’n leath-steach; thoir an t iomlan airson an iomlan: na sir dad, na gairm dad air ais: seasamh go glan, agus go dochasach annam sa, agus bithi ’mise agad. Bithea’ thusa fuasgailte ann chridhe, agus ni cuirear thaireis le dorchadas thu. Dean dicheall chum so, guidh airson so, miannaich so. chum gu feud thu bith air do rusga’ o gach fein shirea’; chum air dhuit bith ruisgte, gu ’n lean thu do Iosa lomnochda, chum agus gu basaich thu dhuit fein, agus gu bith thu beo dhamh go siorrui’. Ann sin, theid as do gach saoilsin dhiamhaoin, do gach buairea’ agus do gach anachurama. Ann sin fos, fagai’ an t eagal neo-mheasarach thu, agus basaichi’ ann gaol ain-cneasta. CAIB. XXXVIII. Air Riaghailt mhath nan Nithe o’n leath amuigh, agus air dol gu Dia ’n arn Eigean sa. MHIC, is eigin dhuit go dicheallach suil bhith agad air so; gu bith thu anns gach aite, gach gniomh, no deanatas o’n leath-amuigh, saor agus do thighearna ort fein o’n taobh-stigh’ dhiot fein; agus bithea’ gach uile ni fothad sa; agus na bith thusa fo aon diu; chum gu bith thu mar thighearna agus d’ fhear-seolai’ air do ghniomh arai’ fein; cha’n ann mar sheirbheasach, no mar thraille; ach na’s tocha, mar dhuine saor, agus mar fhior Eabhruidheach air a thoirt [TD 150] thaireis, chum cranachar agus saorsuin clainn Dea; a’ta seasamh os-cion nan nithe a’ta lathair, agus ag beachda’ air na nitheibh siorrui’; a’ta sealtuin le suil chli air na nitheibh a’ta dol thart, agus air na nitheibh neamhail leis an deas: ni tarruin na nithe aimsireal iadsan, chum leanachd riu, ach tarruini’ siad na’s tocha na nithe sin chum na crioch fa’n deacha iad an orducha’ le Dia, agus an suidheacha’ leis an ard fhear-oibre, an ti nach d’ fhag ni air bith neo-orduichte ’na ghniomharaibh se. Ma ’se fos, agus nach sdiur thu thu fein tre taisbean iomallach air bith, agus nach moa sheallus tu le suil fheolmhor air aon ni a chi, no chluineas tu: ach air ball anns gach uile abhar, gu’n teid thu steach maille re Maoise chum do chomhairle chuirea’ ri Dia ’sam bhothan naomh; cluini ’tu air uair, am freagar diadhai’ agus pilli’ tu as, air do theagasga’ ann moran do nitheibh a’ta lathair agus re teachd. Chuaidh Maoise do ghna chum am bhothan airson fuasgala’ nan ceisdean, agus nan nithe teagmhach; agus ruith se chum cuideacha’ na urnuidh ann aghai’ gabha agus aingidheachd nan daoine. Amhuil mar sin, is choir dhuitse ruith steach gu uaigneas do chridhe, agus an cuideacha’ diadhai’ ghuidhea’ go durachdach. Oir bha Iosua agus Clann Israel, mar a’ta sinn ag leabha’, air am mealla’ leis na Gabaonaiteibh; chion, nach co chuir iad ann an toiseach, an comhairle ri Dia, ach le creideas go farasda thoirt do bhriabhraibh mileis, bha iad air an toirt air seacharan, le crabh cealgach. [TD 151] CAIB. XXXIX. Cha’n eigin do’n Duine bhith ro dhian ’na Gnothachaibh se. MHIC, earb do ghnothach riumsa do ghna, agus cuiri’ mi e ann ordugh go maith’ na am fein. Fan ri m’ ordugh sa, agus gheabh thu, o sin, do shochair se. Thighearna earbam ruit go ro thoileach, gach uile nithe; oir is beag sta is urra’ mo smuaineacha’ dheanamh. B’ fhearr leam nach dlu-leanuin go mor ris na nitheibh re theachd, ach gu’n tuguin mi fein suas gan dail gu do ghean-math sa. Mhic, is tric tha’n duine’ go dian ’g a chuirea’ fein ma thimcheall ni eigin is ro mhian leis; ach an uair gheabh se e, toiseichi’ se air smuaineacha’ air achd eile: do bhri, nach ’eil a thogara sa buan m’ an aon ni cheudna; ach theid e seachad air an dara aon, chum an aon eile. Air an abhar sin, ni bheil e, na ni ro bheag, gu’n treigea’ neach e fein, eadhon anns an ni is lugha. ’Se dol air adhairt fireanach an duine, bhith do ghna’ ’g a dhiulta’ fein, agus tha’n duine a chuireas cul ris fein, go ro shaor agus tearuinte. Ach cha’n’ eil an sean namhaid, namhaid gach uile maith, ag sgura’ o bhith cuirea’ buairea’, ach re la agus oiche, ag cuma’ nan cealga, chum ma dfheudas e, gu’n tilig se an dream gan aire ann coineamh chin ann lub na ceilg. Deanaibh faire agus urnuidh, deirse an Thighearna, chum agus nach teid sibh steach ann am buairea’. [TD 152] CAIB. XL. Cha’n ’eil Ni do Mhath aige an Duine uaidhe fein, agus ni’n urra’ dha Gloir dheanamh ma ni sam bith’. THIGHEARNA, creud e an duine, chum gu bithea’ tu ’g a chuimhneacha’; no mac an duine, chum gu fiosruichea’ tu e? Ciod roi-thoill an duine, gu’n tuga’ tu do ghras dha? Thighearna, ciod an t abhar gearain a’ta agam, ma dfhagas tu mi; no ciod is urra’ dhamh ra’ go ceart mar lea-sgeul, mar dean thu dhamh, an ni a’ta mi ’g iarra’ ort? go cinteach is urra’ dhamh so smuaineacha’, agus a ra’. Thighearna is neo-ni mi, agus cha’n urra’ dhamh dad dheanamh; agus cha’n ’eil ni do mhath agam uam fein; ach tha mi fannacha’ ’san iomlan, agus tha mi sinea’ chum an neo-ni do ghna: mar cuideichear mi leat, agus mar teagaisgear mi o’n leath-steach. Ach thusa, o Thighearna! tha thu do ghna an ti ceudna, agus tha thu mairreanach am feadh na siorruidheachd, do ghna math, ceart agus naomh, ag deanamh gach uile ni go maith, go ceart agus go naomh, agus ’g an suidheacha’ ann gliocas. Ach mise, a’ta air m’ aoma’ na’s moa gu dol air ais, na air m’ adhairt; ni bheil mi fantuin do ghna ’san aon chor: oir tha seachd aimsirean air an chaochla’ thaireis orm; ach ghidhea’ nitear go grad, na’s fearr e, an uair is toileach leat, agus shineas tu amach do lamh-chuideacha’, do bhri, gur tusa ’mhain is urra’ comhna’ thoirt seachad gan aontucha’ dhaonna; agus mo neartucha’ air doigh, ionnas agus nach chaochlar mo ghnuis ni’s mo, ann an achdaibh fa-leath, ach gu’n iompaichirear mo chridhe, chum agus gu gabha’ se tamh amhain annad sa. [TD 153] Air an abhar sin, na b’ aithne dhamh go maith gach uile solas shaoghhalta thiligea’ uam, an dara cuid, airson gradh na crabhachd, no airson eigean, leis an tugar orm do shirea’, chion nach ’eil duine ann, a bheir solas dhamh: ann sin, dfheuduin go maith duil bhith agam ri do ghras, agus gairdeachas dheanamh ri tiolaca’ an ur-sholais. Buidheachas gu robh dhuitse, o’m bheil an t iomlan ag teachd, go tric agus theid an gnothach go maith leam. Ach is diamhaoineas agus is neo-ni mise ann do lathair, is duine mio-bhuan agus easlain mi. Le sin, ciod tha agam chum uaille dheanamh as; no carson bu mhian leam bhith air mo mheasa’? Nach ann airson neo-ni, agus nach ni ro dhiamhaoin so? Go deimhin is galar olc, agus diamhaoineas mor an ghloir fhaoin; chion gu bheil e ’g ar tarruinea’ sa o ’n fhior ghloir; agus ag toirt uainne an ghras neamhail. Am fad, agus tha ’n duine ’g a thoileacha’ fein, tha e ’g a do mhio-thoileacha’ sa; am fad agus shireas e le beul fosgailte molla’ nan daoine, fagar e gan na subhailceibh fhireanach. Ach tha gairdeachas naomh agus gloir fhireanach ann, eadhon gloir dheanamh assad sa, agus cha’ n ann as fein: gairdeachas dheanamh ann t ainm se, cha’ n ann tlachd gabhail o’m shubhailce fein, no’o chreatoir air bith, mar ann air do shon sa. Gu mollar d’ ainm se, cha ’n e m’ ainm se, gu’n arduichear d’ obair se, cha ni m’ obair se, gu’ m beannaichear d’ ainm naomh sa; ach dhamh sa na measar dad do mhollaibh nan daoine. Is tusa mo ghloir, is tu gairdeachas mo chridhe se; annad sa ni mi gloir, agus gairdeachas re an la; ach air mo shon fein, ni dean mi gloir ann dad, ach ann m’ easlainteibh fein. [TD 154] Sirea’ na Iudhaich an gloir a’ta an dara duine gabhail o’n neach eile, ach siri’ mise ’n gloir sin a’ta o Dhia amhain. Is diamhaoineas, agus aimideachd do rirea’ gach uile gloir dhaonna, gach urram aimsireal agus gach uile ard-inmhe shaoghalta, air an samhlacha’ ri do ghloir shiorrui’ se. O m’ fhirinn agus mo throcair, agus mo Dhia! O Thrionaid bheannaichte, dhuitse gu’n robh amhain molla’, onoir, cumhachd, agus gloir, feadh saoghal nan saoghal gan chrioch. CAIB. XLI. Air Tair gach uile Onoir aimsireal. MHIC, na gabh e go olc, ma chi thu luchd-eile air an onoracha’, agus air an ardacha’; ach thu fein air do chuirea’ fo thair, agus air do irisealacha’; tog suas do chridhe ugam sa air neamh, agus cha chuir tair nan daoine air thalamh thu fo dhu-bhron. Thighearna ata sinn ann an doille, agus go grad tha sinn air ar trom-mhealla’ le diamhaoineas: ma sheallas mi go ceart orm fein, cha d’ rinnear le creatoir air bith riamh eacoir orm; agus air an abhar sin, cha’ n’ eil abhar gearain go ceart agam ann d’ aghai se: chion agus gu do pheaccaich mi go ro thric ann d’ aghai’ se; agus tha cuis-abhair aige gach uile duil airm thogail ann m’ aghai’ se. Uime sin, tha naire agus tair go ceart dligheach dhamh; ach dhuitse ata molla’ onoir agus gloir dligheach. Agus mar deasaich mi mi fein gu so, chum agus gu’m b’aill leam go toileach bhith air mo chuirea’ fo dhimeas agus air mo fhagail leis gach creatoir, agus fos bhith air mo mheasa’, cha mhor mar neo-ni, cha’n urruin mi bhith ann samhachas, no air mo dhaingneacha’ [TD 155] o’n leath-steach, no fos bhith air mo shoileireacha’ no air mo choi-cheangala’ go iomlan ruitse. CAIB. XLII. Nach ’eil Sio-chainte ri chuirea’ ann sna Daoineibh. MHIC, ma chuireas tu do shio-chainte malle ri neach air bith, airson do thlachd sa bhith ’n a chonaltar, bithi’ tu neo-dhaingneichte agus air do chuirea’ san lub. Ach na bithea’ dol-uige mhath agad, chum na firinn bheo agus bhi-bhuan; cha bhith brisea’ cridhe agad, an tra dhealaicheas e ruit, no bhasaicheas caraid. Annam sa bu choir gaol an charaid seasamha’, agus air mo shon sa, tha e ri bhith air a ghradhacha’ co air bith e, a chithear dhuitse math, agus ro ghaolach ann sam bheatha so. As m’ eagmhais ni feam e, ni mo mhairreas cairdeas; agus ni bheil an gaol sin fireanach agus glan, noch’ eil mise ceagala’ mar a udar sa. Bu choir dhuit bhith marbh dhuit fein co fada, ma ghradhaibh do luchd-gaoil se; ionnas agus, ann mead agus bhuineas sin dhuit, gu bu mhian leat bhith as eagmhais gach uile conaltra dhaonna; oir is moa thig an duine na ’s foisge do Dia, mar is moa tharruineas e e fein air ais o gach uile solas thalmhui.’ Agus theid e fos na ’s airde suas gu Dia, mar is ilse theid e sios anna fein, agus mar is suaraiche tha se ’g a mheasa’ fein. An neach a chuireas dad air bith do mhath as a leath fein, tha e baca’ gras Dea teachd a steach d’a ionsui’ se: chion gu bheil gras an Spioraid Naoimh ag sirea’ cridhe iriseal do ghna. Na b’ aithne dhuit thu fein go foirfe chuirea’ gu neo-ni, agus gach uile gradh cruthaichte thiligea’ mach assad fein; an sin shruthuin se [TD 156] steach annad maille re moran grais. An uair sheallas tu air ais chum na creatoirean, tarruinear uaite radharc an Chruthadair. Ionsaich airson an Chruthadair, buaidhe thoir ort fein anns gach uile ni; an sin bithea’ tu comasach teachd chum eolas Dea: ma ghradhaichear go mi-riaghailteach, na ma dh’ amhaircear air ais air aon ni, cia beag air bith e, tha sin ’g ar cumailse air ar n ais o’n ard mhath fhlathail, agus ag salacha’ an anaim. CAIB. XLIII. Ann aghai’ Folum diamhaoin shaoghalta. MHIC, na gluaisear thu le briathraibh maiseach agus innealta nan daoine. Oir ni bheil rioghachd Dea seasamh ann seanachas, ach an buaidhe. Thoir mo bhriathransa fanaire, a ’ta lasa’ suas an chridhe, agus ag soilleireacha’ na inntin; bheir iad thu steach gu tuirse-cridhe, agus giulanai’ siad thugad ioma’ solas. Na leabh focul chum na crioch so, chum gu feuda’ tu bhith air d’ fhaicin le sin, na b’ fholuimte agus na bu ghlice. Foluim na ’s tocha do chiontan chlaoithea’; do bhri, gu dean so tuille feam dhuit, na fiosracha’ nan cruai’-cheisdean lionmhor. An uair leabhas tu moran, agus bhitheas fios agad orra, is eigin dhuit do ghna pillea’ air ais gu t’ aon toiseach. Is mise an Ti a’ ta teagasga’ eolais do ’n duine, agus tha mi toirt tuigse na ’s soilleire do na aondan beag, na dfheudas bhith air a theagasga’ le duine. An ti ris an labhram, gu eallamh bithi’ se glioc, agus ni se dol air adhairt mor ’san spiorad. Anaoibhin dhoibse, a ’ta re caol-fhiosracha’ mach ioma nithe mian-eolach agus a ’ta ghabhail beag suim do’n t slighe, air seirbheas [TD 157] dheanamh dhamhsa. Thig an t am, an uair thaisbeineas Criosd, Maisdear nan Maisdearan, Tighearna nan Aingeal e fein, dh eisdeachd teagasgan nan uile dhaoine; ’se so, cheasnacha’ coguisean gach aon air leath, agus ann-san ransuichear Ierusailem le coinleibh, agus bithi’ nithe foluichte na dorachdais air an deanamh follaiseach, agus bithi’ consboidean nan teanga ’n an tosd. Is mise an ti, a’ta togail suas na inntin iriseal ann an tiota, chum gu glaca’ i tuille do reasunaibh na firinn shiorrui’, na ghe gu bhithea’ neach ag ionsacha’ feadh deich mile bliana’ ann ionad-aolaim. Tha mise teagasga’ as eagmhais fuaim nam briathra, as eagmhais tuasaid nam barrail, as eagmhais mian-ghloir onoir, agus gan chath nan consboidean. Is mise an ti a’ta teagasga’ tair dheanamh air na nithibh talmhui’, grain ghabhail as na nithibh a ’ta lathair; na nithe siorrui’ shirea’, teicha’ o’ onoireibh, maslan fhulana’, gach earbs chuirea’ annamsa, gan dad shantacha’ taobh-amuigh dhim; agus mise ghradhacha’ go teth oscion gach uile ni. Oir dh ionsaich neach arai’ nithe diadhai’, agus labhair e nithe iongantach, tre mise ghradhacha’ go iomlam. Chosain e tuille, ann’s gach uile ni fhagail, na rinn e tre foluma’ gach tionsgail; ach labhram nithe gnathaichte re cuid eigin, nithe sonruichte ri cuid eile: do chuid tha mi ga m’ thaisbeana’ fein gu mileis ann deilbh agus cotharaibh; tha mi ’g innsea’ nan diamhairean do chuid eile ann mor shollus. Se ’n aon ghuth ceudna, a ’ta ann guth nan leabhaireacha; ach cha n’ eil e teagasga’ gach aon ’san aon achd: do bhri, gur mise teagasgair na firinn o’n leath-steach, fear-ransuich an chridhe, fear-tuigsin nan smuaintean, fear-togail suas nan gniomh, ag toirt do gach aon ma seach, mar chi mi sin iomchui’. [TD 158] CAIB. XLIV. Cha n’ eil na Nithe o’n leath-muigh re bhith air an tarruinea’ ugain fein. MHIC, is cubhai’ dhuit bhith ain-eolach air ioma nithibh, is bhith ’g a do mheasa’ fein, ionnas agus marbh air an talamh, agus mar aon d’am bheil an saoghal nile ceusta: tha fos ioma nithe ann, is eigin dhuit leigeal seachad le cluas bhothar, chum smuaineacha’ air na nitheibh bhuineas na’s mo do d’ shio-chainte. Tha e na ’s feamaile na suilean phillea’ air an ais o na nitheibh neo-thaitneach dhuit, agus an smuainte fein fhagail do gach neach; na gu ’n aoma’ tu chum seanachasa choi-stritheach. Ma sheasas tu gu maith cuid-ri Dia, agus ma sheallas tu air a bhreathanas sa, giulanai’ tu na’s furaisde thu fein bhith fo bhuaidhe. O Thighearna ciod gus an tannaig sinn? Feuch! caonar an call aimsireal; airson cosain bheag saothraichi’ agus ruithi’ na daoine: ach leigear seachad an call spioradalta chum dearmad, agus is gann phillear a chuimhne air ais, air d’an uair bhith anamoch; chion gu toirear fanaire an ni a ’ta beag, no gan sta idir, agus gu leigear thart an ni a’ ta ro fheamail: do bhri gu bheil an duine go lear ag srutha’ chum na nithe o’n leath-amuigh, agus mar tig e go grad uige fein, laithi’ se go deonach sluigte sios annta. [TD 159] CAIB. XLV. Nach coir Creideas thoirt do gach Uile, agus gu bheil Sluagh claon chum bhith ciontach ann Briathraibh. THIGHEARNA, thoir cobhair dhamh ann mo thriobloid; oir is faoin comhna’ an duine, cia minic, nach tuair mi creideamh ann sin, far na shaoil mi i bhith agam? Cia tric thuair mise i ’san aite, far nach robh duil agam ria? Uime sin, is diamhaoin gach uile muingin ’sna daoineibh; ach tha slainte nam fireanach ann an Dia. Beannaichte gu robh thusa Thighearna mo Dhia sa anns gach uile ni, a thig oirne. Tha sinn lag agus mi-sheasmhach. Tha sinn go eallamh air ar mealla’ agus air arn arracha.’ Co e ’n duine a’ta comasach air e fein choimhead go faicilleach agus go aireach anns gach uile ni, ionnas agus, nach tuit e air uaireibh ann mealla’ eigin, no ain-cheisd? Ach an neach a’ta cuirea’ a dhochas annadsa, O Thighearna! Agus a tha ’g a d’ shirea’ le cridhe neo-lochdach, cha tuit e go furasda. Agus ma thachaireas e air triobloid eigin ’sam bhith, cia b’e doigh air am bith e fas dlu-cheangailte; teamuinear e go grad leatsa, no furtuichear e leat: do bhri nach treig thu go brach an neach a’ta cuirea’ dhochas annad. Is tearc tha caraid dileas re fhaotuin a mhairreas mar sin, mar do charaid se anns gach uile eigean. Is tusa Thighearna, is tu ’n a d’aonar a’ta ro dhileas anns gach uile, agus amach uaite fein, ni bheil aon eile coslach ruit. O cia mor an gliocas bh’ aige ’n anam naomh sin, a dubhairt: tha m’ inntin neartuichte, agus suidheichte air Chriosd. Na bithea’ chuis mar so maille rium, cha [TD 160] chuirea’ fiamh dhaonna mise go furasda ann triobloid, ni mo ghluaisea’ urchoirean nam briathran mi. Ach co d’an leir gach uile ni, no co neach is urruin solar dheanamh fa-chomhair nan olc re theachd? Ma’se agus gu ciuirear sinn leo-san air an roi-fhaicin, ciod ni na nithe a thig gan duil riu, ach ar leona’ go trom? Ach cuime nach d’ rinn mise, a ta ’n a m’ thruadhan bochd, solar na b’ fhearr dhamh fein? Cuime fos chreid mi luchd-eile go furasda? Ach is daoine sinn, is cha ni eile ach daoine breoite; ghe gu measar agus gu gairmear sinn ’n arn Aingeil le moran. Co chreideas mi Thighearna? co ach thusa? Is tusa an fhirinn nach meall, agus nach meallar le nach. Agus aris, tha gach duine breagach, anmhunn, neo-sheasmhach, agus tuitemeach’ go sonruichte ann am briathraibh; ionnas agus, nach bu choir dhuinn air ball creideas thoirt, eadhon d’ an ni sin, a ta reir coslach ag deanamh fuaim na corach. Cia glioc thug thu roi-rabha’ dhuinne bhith air ar faicill o dhaoineibh, agus gur iad naimhdean an duine, a luchd-tighe fein; agus nach’ eil e re chreidsin lein, ma their aon air bith, feuch tha e ann so, feuch tha e sud. Le mo mhor chall theagaisgear mi, agus bu mhian leam gu deana’ so mise na b’ fhaicilleach, ach nach meaduichea’ se mo ghoruich. Bith aireach, deirse neach arai’, bith fhaicilleach, cum agad fein, an ni tha mi ’g ra; agus an tra tha mise samhach, agus ag creidsin an chuis bhith foluichte, cha ’n urra’ dha fein an t uaigneas chumail a dh iarr e bhith foluichte; ach air ball tha se’ g a mo bhratha’ fein, agus gabhail a rod sa. Dion mise o Thighearna o leathaid so sgeoil, agus o dhaoineibh neo-fhaicilleach, air eagal gu’n tuitea’ mi ’n an lamhaibh se, no gu’n deanuin an ni ceudna. Thoir focul fireanach, agus buan-sheasmhach do mo bheul, agus cuir fada uam [TD 161] an teanga chealgach. An ni nach aill leam fhulana’, is coir dhamh air gach doigh a sheachna’. O cia math agus cia sio-chainteach an ni bhith tosdach ma luchd-eile! gan bhith creidsin gach ni air a ra’, gan bhith ag innsea’ go furasda an rud a chuala neach, gan bhith ’g a thaisbeana’ fein do mhoran, agus bhith ag sirea’ fear-beachdai’ an chridhe do ghna; agus gan bhith air a ghiulana’ mancuairt leis gach gaoth-bhriathraibh, ach bhith miannacha’, gu racha’ gach ni o’n leath-amuigh agus ann taobh-stigh dhinn air adhairt reir gean-maith do thoilse. Cia tearuinte an ni, airson coimheid an ghrais neamhail teichea’ o shealla’ nan daoine, agus gan na nithe sin shirea’ a bhitheas ag abhara’ iongantas o’n leath-amuigh: ach na nithe sin leantuin leis gach uile dicheall a toirt amach leasacha’ beathai’, agus durachdais. Cia lionmhor iad d’an robh e dochanach, an subhailce se bhith fiosraichte, agus go gabhagach air a molla’! Cia tarbhach go deimhin bha ’n gras air a choimhead le tosd san bheatha lag so, a tha go lear’ na cath agus’ na buairea’. CAIB. XLVI. Air Dochas bhith againe ann an Dia, an uair dh eireas tiligea’ nam Briathran. MHIC, seasamh go daingean, agus earb annamsa. Ciod iad na briathran, ach briathra ag dol air feadh an athar, ach ni ciuir iad clach. Ma tha thu ciontach, smuaineich, gur aill leat go toileach thu fein leasacha’; agus mar’eil fios agad air ciont, smuaineich gur aill leat so ghiulana’ go toileach air son Dea. Is ro bheag an ni dhuit e, gu giulana’ tu le briathraibh air [TD 162] uaireibh, o’n tha thusa fos mar neach noch ’eil comasach air trom-bhuilean ghiulana’. Agus carson ata leathaid sin do nitheibh beag ag dol gu d’ chridhe, ach chion gu bheil thu fosd feolmhor, agus gu bheil thu toirt tuille aire do dhaoine na bu choir dhuit? Oir chion gur eagal leat bhith fo dhimeas, cha’ n aill leat bhith air do chronacha’ airson d’ ainmheasaracha’, agus tha thu sirea’ sgaile nan lea-sgeul. Ach seall ort fein na’s fearr, agus aideichi’ tu gu bheil an saoghal, agus gradh faoin chum nan daoine thoileacha’ fosd beo annad. Oir an uair theicheas tu o bhith air d’ irisealacha’ agus air do naracha’ airson do choirean; tha e soilleir go deimhin, nach ’eil thu do rirea’ iriseal, no go deimhin marbh do ’n t saoghal, no saoghal air a cheusa’ dhuitse. Ach eisd ri m’ fhocul sa, agus ni gabh thu suim do dheich mile briathar nan daoine. Feuch! nan abairear gach uile ni ann d’ aghai’ a b’ urra’ mio-run dhaoine dhealbha’; ciod an dochan dheana’ na nithe sin ort, na leigea’ tu seachad iad, agus am measa’ mar smulain? am feuda’ iad uraid agus aon roineag spiana’ assad. Ach an ti aige nach’ eil an cridhe ’san taobh-stigh, no Dia lathair ’na shuilean sa, tha se air a ghluasa’ go furasda le focul na tair. Ach an neach a ’ta ’g earbsa’ annam sa, agus nach aill seasamh re bhreath arai’ fein, bithi’ se gan eagal nan daoine. Oir is mise breatham agus fear-tuigse nan run-diamhair. Is aithne dhamh, cia-mar tha ’n gnathach deanta. Is aithne dhamh araon an ti tha ris an eacoir, agus eisean a’ ta fulana’. Chuaidh am focul so mach uam; thachair so le mo chead, chum gu foilseichear amach o ioma cridhe na smuaintean. Bheir mise breath araon air an chiontach, agus air an [TD 163] neo-chiontach: ach b’ aill leam iad le cheille dhearbha’ roi laimh le breathanas uaigneach. Is tric tha teisneas nan daoine ro mhealta, tha mo bhreathanas sa fireanach, seasamhai’ si, agus ni cuirear i bon-oscion: tha i foluichte do phairt, agus ni feuchar i, ach do ro bheag anns gach uile ni fa leath: Ach go brach cha teid i air seacharan, ni mo is urra’ dhi dol am mearachd, ghe nach faicear i direach do shuileibh an dream mhi-ghlioc. Air an abhar sin, is choir dhuit ruithea’ ugam anns gach breathanas, agus gan bhith ag crocha’ ri d’ do thoil arai’ fein. Oir cha bhuairear an duine ionruichte, le dad air bhith a thig air o Dhia. Agus ma tha ni air bith go eacoireach air a ra’n a aghaise, cha ghabh e mor shuim dhe; ni mo ni se gairdeachas dhaimhaoin, ma ghabhar a lea-sgeul go reasunta le luchd-eile; oir ata se smuaineacha’, gur mise an ti, a’ ta ransacha’ mach an chridhe agus na airnean, a neach nach eile ag toirt breath do reir na aodain, na reir riochd dhaonna: oir tha e go tric air a fhaotuin ciontach ann mo shuileibhse, a chreidear toilteneach air molla’ le breathanas nan daoine. O Thighearna Dhea, am breatham cothromach, laidir agus foighidineach! d’an aithne laigse, agus crosantachd nan daoine, bith mar mo neart agus m’ earbs dhamh; oir cha leoir mo choguis dhamh: tha fios agad air an ni sin, nach aithne dhamh: agus uime sin, bu choir dhamh mi fein irisealacha’ anns gach achmhasan agus an giulana’ go macanta. Thoir mathanas dhamh guidheam ort ann trocair, go minic agus nach d’rinn mi mar sin; agus thoir dhamh aris gras an tuille fulanais. Oir is fearr dhamh do throcair lionor chum mathanas fhaotuin, na mo cheartas bharaileach fein, airson dion na coguis fholuichte. Ghe nach ’eil mi fiosrach air dad [TD 164] air bith, ghidhea’ ann so, cha ’n urra’ dhamh mi fein fhireanacha’: chion nach fireanaichear aon neach a’ta beo ann do lathair se, air dha do throcair bhith air a cuirea’ gu taobh. CAIB. XLVII. Gu bheil gach Ni antromach re ghiulana’ airson na Beathai’ shiorrui’. MHIC, na brisea’ na saothairean sin thu, a ghabh thu fo laimh air mo shon sa, agus na tiligea’ na triobloidean sin thu go lear fui’, a thig ort; ach gu neartuichea’, agus gu cofurtuichea’ mo ghealla’ sa thusa anns gach uile tachairt; is leoir mise chum duais thoirt dhuit oscion gach uile seola agus tomhais. Oir cha dean thu saothair fhada ann so, ni mo bhitheas tu do ghna air d’ antromacha’ le bronaibh. Dean dail ach beagan, agus chi thu go grad chrioch nan olc. Thig aon uair, an tra sguireas gach uile saothair agus tuasaid; is gear agus is beag, gach uile ni tha dol seachad marrais an aimsir. Dean go maith an ni ’ta thu deanamh; saothraich go fireanach ann mo ghara’-fhineamhuin; is mise bhitheas do luach-saothair mhoir. Sgriobh, leabh, gabh ceol, bith ag osnacha’, bith samhach, dean urnuidh giulain do chroisean go fearoil: is fiach am bheatha shiorrui’ so uile, agus cathan na’s moa. Thig sio-chainte air aon la, is aithne do’n Tighearna; agus cha bhith la no oiche na aimsir so lathair ann ni’s mo. Ach sollus bi-bhuan, soilleireachd anabarach, sio-chainte dhaingean agus fois thearuinte; cha’n abair thu sin, co neach a shaoras mi as corp am bhais so? ni mo glaothas tu mach; mo [TD 165] thruaidhe mi! chion gu bheil m’ oilereachd air a cuirea’ ann fad. Oir tiligear am bas thar cean, agus bithi’ slainte neo-thraobhach ann, gan iomaguin air bith, ach aiteas beannaichte agus commun mileis agus gaolach. O na faicea’ tu cruin bhi-bhuan nan Naomh air neamh, agus cia mor an gloir leis am bheil iadsan fos ann sin re lua-ghairdeacha’, a bha roi so ’san t saoghal so taireal, agus eadhon air am measa’ neo-fhiuntach air am bheatha so; do rirea’ dh ilseichea’ tu thu fein sios go fad agus ris an uir; agus bu mhian leat na bu tocha shirea’, gu’m bithea’ tu fo chois gach uile, na uachdaranas bhith agad thaireis air aon neach; ni mo shantuichea’ tu laan aoibhneach na beathai’ so; ach bhithea’ aiteas ort na bu tocha, triobloid fhulana’ airson Dea, agus mheasa’ tu e mar an chosain bu mhoa, bhith air do chunta measg nan daoine mar neo-ni. Och! na bithea’ blas agad air na nitheibh so, agus gu’n druidhea’ iad air do chridhe se; cionnas dfheuda’ tu gearan aon uair dheanamh? Nach eigin gach uile ni cruadalach fhulana’ airson na beathai’ shiorrui’, am beag an ni rioghachd Dea challa’, no chosainea’. Air an abhar sin, tog suas do ghnuis gu neamh. Feuch! mise agus m’ uile Naoimh maille rium, aige an robh san t saoghal so cath mor, iadsan nois re gairdeachas, nois air an cofurtacha’, nois tearuinte, nois aige fois, agus mairri’ siad maille rium gan chrioch an rioghachd m’Athair se. CAIB. XLVIII. Air La na Siorruidhachd, agus Truaidheibh na Beathai’ so. O Ionaid taimh ro bheannaichte, am bhaile a’ta shuas os airde! O la ro ghlan na siorruidheachd! air nach [TD 166] tig dubhrui’ am feasd, ach a’ta air a dheanamh soilleir do ghna leis an ard fhirinn, an la do ghna aoibhneach, do ghna dionach, agus gan chaochla’ air a staid chum ni air bith am aghai’ sin. O nach soilseichea’ an la so oirne, agus gu tigea’ crioch air na nitheibh aimsireal sin uile! a’ta e soilseacha’ go deimhin air na Naoimh dealrach le soilleireachd bhi-bhuan, ach chithear e leinne an luchd-astair air an talamh, am fada agus amhuil mar tre sgathan. Is aithne do luchd-aiteach na Neimh, cia subhach a ’ta la sin; ach ’ta clan-fhogairte Eamhai’ ag caonna’, gu bheil an la so searbh agus mairnealach. Tha la na aimsir so gaorraid agus olc, lan do bhronaibh agus truaidheibh; far an salachear an duine le ioma peaca’, reubar e le ioma droch-fhulan, sreanganar e le moran eagail, leaduichear e le ioma curam, air seacharan le mian-fhios, air a lub-glaca’ le ioma diamhaoineas, air a chuairteacha’ le mearachaibh lionor, air a bhrisea’ le ioma saothair, air antromacha’ le buaireibh, air a lagacha’ le toileachas-inntin, agus air a cheusa’ le dioth. O! cuine thig crioch air na olcaibh sin? Cia ’n uair shaorar mi as bruite thruadh nan olc? Cuine Thighearna bhitheas mi go sona, agus gu cuimhneich mi ort amhain? Cuine ni mi, gus an lan, gairdeachas annadsa? Cuine bhitheas mi as-eagmhais gach uile baca’ ann an saorsuin fhireanach, gan triobloid cuirp no inntin? Cia ’n uair mheallas mi sio-chainte thaiceal, neo-ghluaiste, agus do ghna tearuinte; sio-chainte o’n leath-steach, agus a-muigh, sio-chainte air gach doigh daingean? O Iosa mhaith! cia ’n uair sheasas mi chum d’ fhaicin se? Cuine ni mi beachda’ air do Rioghachd? Cia ’n uair bhitheas tu dhamh mar an t uile, anns gach uile ni? O cuine bhitheas mise ann do Rioghachd sa maille ruit, a [TD 167] dheasaich thu do d’ mhuintir ionmhuin o shiorruidheachd! Tha mi air m’ fhagail bochd agus diobairteach, ann talamh naimhdeach; far bheil cogan gach la, agus mio-shonasa lionor. Thoir solas dhamh ann mo dhiobairt se; lagaich mo bhron sa, chion gu bheil m’ uile mhian ag osnacha’ na do dheidh; oir is eullach dhamh an t iomlan, a ’ta saoghal so tairgsin air son mo sholais. Is mian leam do mhealtuin go caidreach, ach ni ’n urra’ dhamh ruigsin air. B’ aill leam bhith ag dlu-leantuin ris na nitheibh neamhail; ach tha nithe na beathai’ so, agus ardana mo neo-chlaoite fein ’g am’ chumail sios. Is aill leam an inntin bhith oscion gach uile ni; ach eigneichear mi n’ aghai’ mo thoil, leis an fheoil bhith umhal dhoibh. Amhuil mar sin, tha mise mar dhuine mio-shona, re catha’ m’ aghai’ fein, agus rinnear mi nam eullach throm dhamh fein; an tra tha spiorad ag iarra’ bhith oscion, tha ’n fheoil ag sirea’ bhith bhos. O! ciod tha mi fulana’ ’san leath-steach, an tra tha mi na ’m inntin ag smuaineacha’ air na nithibh neamhail; agus air ball tha buidhean nan smuaintean feolmhor ag teachd orm, is mi re m’ urnuidh! Mo Dhia na bith fada uam, agus na imeich ann fearg air falbh o t’ oglach fein. Tilig amach do dhealanach sa, agus cuir sgaoilea’ annta; cuir amach do shaoighdean, agus teichea’ uile thannasan an namhaid. Tionail re cheile mo chead-fathan uile ruit fein; thoir orm na nithe saoghalta uile dhio-chuimhneacha’; thoir gras go grad dhamh chum an tiligea’ uam, agus tair dheanamh air riochdan diamhaoin nan olc; O Fhirinn shiorrui’! cuideich leam, chum nach caraichea’ diamhaoineas air bith mi. Thig ugam mhilseachd neamhail, agus teichea’ gach uile neo-ghloine as lathair do gnuis; maith dhamh fos, agus laogh dhamh go [TD 168] trocaireach, go tric agus bha mi saoilsin air ni sam bith eile ann m’ urnuidh bhar ort fein: oir tha mi ’g aideacha’ go firineach, gu bu ghnathach leam bhith ro sheacharanach ann m’ inntin; oir go ro mhinic cha ’n eil mi, far am bheil mi seasamha’ no suidhea’, thaobh an chuirp; ach tha mi na’s tocha ann sin, far giulanar mi le mo smuainteibh. Tha mi ann sin far am bheil mo smuainte; ann sin is tric tha mo smuainte, far am bheil an ni sin, air am bheil mo gradh. Tha sin go grad ag tachairt orm, a ’ta gu nadurail ag toirt tlachd dhamh no tha tre gnathach taitneach dhamh. Air an abhar so, dubhairt thu, an ti is tu an fhirinn; far am bheil d’ ionmhas ann sin fos tha do chridhe. Ma’s toigh leam neamh, tha mi go toileach ag smuaineacha’ air na nithibh neamhail; ma’s toigh leam an saoghal, tha mi re gairdeachas ma shonas an t saoghail, agus re bron ma mio-shonasaibh se. Ma ’s toigh leam an fheoil, tha mi go minic saoilsin air na nitheibh a bhuineas do ’n fheoil: ma ’se gur toigh leam an spiorad, is tlachd leam bhith smuaineacha’ air na nitheibh spioradalta. Ciod air bith nithe is toigh leam, cluineam, agus labhram go toileach orra, agus giulanam iomhaighean an leathaidin sin gus an tigh. Ach is beannaichte an duine sin, a leigeas do gach ni cruthaichte dol seachad air do shon sa, o Thighearna! an neach a ’ta re foirneart air an nadur, agus tha ceusa’ ainmiana na feola tre teasmorachd an spioraid: chum, air d’ a choguis bhith air a soilleireacha’ gu ’n tairgea’ se suas dhuit urnuidh ghlan, agus gu ’m b’ fhiu e air bhith air a ghabhail steach chum choi-chiuil nan Aingeal, air dha gach ni talmhui’, araon amuigh agus asteach dha, dhuna’ mach uaidhe. [TD 169] CAIB. XLIX. Air Togar na Beathai shiorrui’, agus cia mor agus math Geallan an Luchd-cath. MHIC, an uair mothaicheas tu togar na beathai shiorrui’ teachd annad as an ard, agus gu bheil thu santacha’ tar amach as ionad comhnui’ an chuirp; chum gu feudae’ tu coi-shealla’ air mo dhealra sa gan sgaile caochlai’; sinn amach do chridhe, leis gach togar, gabh an teagasg naomh so; agus thoir lan buidheachais do’n mhaitheas dhiadhai’ a’ta buintin go caomhail ruit, a’ta ’g a d’ fhiosracha’ go iochd-mhor, a’ta ’g a d’ phrosnacha go teth, a’ta ’g a d’ thogail suas go chumhachdach, air eagal gu’n tuitea’ tu sios le do chuideam arai’ fein chum nithe talmhui’. Oir cha’n ann le do smuainte, no le do dhicheall thig thu gu so, ach amhain tre deonacha’ neamhail, agus an gean-maith diadhai’; chum gu racha’ tu air d’ adhairt ann subhailceibh, agus ann tuille irisealachd; chum gu deasaichea’ tu thu fein fa-chomhair nan cathan re theachd, agus gu saothraichea’ tu le togar uile do chridhe dhlu-leantuin rium, agus seirbheas dheanamh dhamh le toil dhurachdach. Mhic, is tric tha ’n teine losga’, ach cha direich an lasar gan deathach. Amhuil sin tha togar luchd-eigin ag losga’ ann deidh na nithe neamhail; ghidhea’, ni bheil iad saor o bhuairea’ an togair fheolmhoir; agus uime sin, cha’n ann go lear glan, airson onoir Dhea, tha iad ag deanamh an ni, a tha iad ag’ iarra’ uaidhe go togarach; amhuil sin, tha do thogar sa go minic, leis an d’ rinn thu sodal bhith go dicheallach; oir cha’n ’eil sin glan agus foirfe a’ta air a shalacha’ le fein bhuine. [TD 170] Iarr, cha’n e ’n ni a’ta taitneach agus gaoireasach dhuit; ach an ni sin a’ta ciatach agus onorach dhamh sa; do bhri, ma bheir thu breath go ceart, bu choir dhuit m’ orducha’ sa raoineacha’ agus a leantuin roi do thogar fein, agus gach ni air a mhiannacha’. Is aithne dhamh do thogar, agus is minic chuala mi d’ osnan. B’aill leat cheana bhith ann saorsuin gloir cloine Dea; bu taitneach leat cheana an tigh siorrui’ agus bhith anns an duthaich neamhail lan aoibhneis; ach cha tanaig an uair sin fosd; oir tha am eile fosd ann, eadhon, am chogai’, am saothair agus deachuin. Is mian leat bhith air do liona’ leis an ard mhath; ach air ball, cha’n urra’ dhuit teachd gu so fhasda. Is mise an t ard mhath, fan rium, deirse an Tighearna, gus an tig rioghachd Dea. Is eigin dhuit fosd bhith air do dhearbha’ air an talamh, agus air do chleachda’ ann ioma nitheibh. Bheirear solas air uaireibh dhuit; ach cha deonaichear sasacha’ pailte dhuit. Gabh misneach uime sin, agus bith foghainteach, ceart go maith, ann deanamh agus ann fulana’ nithe ann aghai’ naduir. Is eigin dhuit an nua-dhuine chuirea’ ort, agus bhith air do chaochla’ gu fear eile. Is eigin dhuit an ni sin dheanamh go tric, nach aill leat, agus an ni sin fhagail, a ’s aill leat dheanamh. Bithi’ dol air adhairt aige an ni, a’ta taitneach do luchd-eile; ach an ni bu thaitneach leat sa, cha bhith soirbheas na’s faide age. Eisdear an ni a deir luchd-eile; ach an ni deir thusa measar e mar neo-ni; iarrai’ luchd-eile, agus gheabh iad; tha thusa ’g iarra’, agus ni faith thu e. Bithi’ luchd-eile mor an beul nan daoine; ach ni gabhar umhail air bith dhiotsa. Earbar so, no sud ri luchd-eile; ach seallar ortsa gan sta fa-chomhair ni air [TD 171] bith. Air uaireibh tha nadur re gearan ma so, agus is mor e ma ghiulanas tu e go samhach. ’San ann so, agus ann moran do’n leathaideibh eile, is gnathach le seirbheasach fhireanach an Tighearna bhith air a dheuchuin, chum gu faic e, cia mar dhiultas e e fein, agus bhriseas e e fein anns gach uile ni. Is gann a’ta aon ni ann, anns am bheil aon ni agad go mor, air thu fein chlaoithea’, mar ata faicin agus fulana’ na nithe sin, a’ta ’n aghai’ do thoilse; agus go sonruichte, an uair dh orduichear dhuit na nithe sin dheanamh, a chithear leat mio-ghaoireasach agus air bheag feam; agus chion gu bheil thu suidheichte fo thighearnas, agus nach ’eil dhanadas agad dol ann aghai ’n ard-chumhachd; uime sin measar leat cruaidhe e, bhith ag trialla’ air smeid neach eile, agus d’ uile bheachda’ arai’ fein leigea dhiot. Ach smuaineich o Mhic! Air tora’ nan saothair sin, cia grad thig crioch orra, agus cia mor an luach-saothair sa; agus cha bhith mor dhragh agad m’ an timcheall; ach solas ro laidir ann d’ fhoighidin se. Oir thaobh an chuid bheag sin do d’ thoil, a’ta thu nois go deonach ag fagail, bithi’ do thoilse go brach agad air neamh. Far am faith thu go deimhin, gach uile ni is aill leat, agus gach uile ni, is urra’ dhuit a mhiannacha’. Far am bith lathair agad comas an mhaith iomlain, gan eagal a challa’. Far am bith do thoilse mar aon, re m’ thoilse; cha santaich i ni coigreach, no uaigneach air bith. Far nach teid neach air bith ’na d’ aghai’ se, agus nach dean duine casaid ort; ach bithi’ gach uile ni togarach comhla lathair, agus lan-lionai’ iad t uile run, agus sasaichi’ iad thu, eadhon, gu lan-bharrach. Far an toir mi gloir seachad airson na maslan a dfhulain thu, trusgan mollai’ airson am bhroin; agus cothar [TD 172] rioghail airson do bhith suidheichte ’san ionad is ilse san t saoghal. Ann sin taisbeini’ tora na umhalachd i fein; ni saothair am pheanais gairdeachas agus crunar an geillea’ iriseal go glormhor. Air an abhar sin, crom sios thu fein anois go iriseal fo laimh gach uile; agus na bithea’ curam ort, co neach thuairt so, no dh orduich sud dhuit; ach gabh curam de so go mor; chum gu gabh thu e ann deagh run, agus gu’n dean thu dicheall air a choiliona’, co acca se uachdaran, no iochdaran, no do choi-ionnan a dh iarr ort ni air bith dheanamh. Sirea’ neach eile so, neach eile sud: deana’ eisean ud eile uaile as so, agus eisean as sud, agus molluir e mile agus mile uair; ach air do shon sa, na dean gairdeachas, ni mo ri so no ri sud, ach amhain ri do thair fein, agus ri m’ onoirse, agus mo ghean-maith se. ’Se so bu choir dhuit thogara’, gu’m bithea’ Dia do ghna air a ghloracha’ annad, co acca ann bas no beatha’. CAIB. L. Air an Doigh, anns am bu choir an Duine fasach e fein ofrala’ suas ann Lamh Dhea. THIGHEARNA, Dhia, Athair naomh, beannaichte gu robh thu nois agus air feadh na siorruidheachd; do bhri mar is aill leat, amhuil sin rinnead e: agus an ni tha thu deanamh, tha e math. Deana’ do sheirbheasach gairdeachas annad, cha’n ann anna fein, no’n ni air bith eile: chion gur tusa amhain m’ fhior aoibhneas, is tu m’ earbsa, is tu mo chrun, is tu m’ aidhear, agus m’ onoir o Thighearna! Ciod a’ta aige d’ oglaoch, ach an ni fhuair e uaite; seadh gan a thoilteneas fein? [TD 173] Is leatsa gach uile ni a thug, agus a rinn thu. Ata mise bochd o m’ oige ann m’ oibreibh uile, agus ata m’ anam air a chragha’ air uaireibh eadhon gu deoir, agus air a bhuairea’ leis fein, chion na droch fhulanasa a’ta ’g a chuairteacha’ sa. Is mian leam aidhear na sio-chainte, agus guidheam airson sio-chainte do chloine se, a ’ta air am beathacha’ leat ann sollus an t solais; ma bheir thu sio-chainte, ma dhoirteas tu steach aoibhneas naomh, lionar anam d’ aglaoich fein le ceolmhorachd agus le fonn crabhach ann do mholla’ sa; ach ma tharruineas tu thu fein air ais, mar is gnathach leat, cha ’n urra’ dha ruithea’ air-slighe d’ aitheanta sa; ach cromar a ghlunan na’s moa, chum uchd sa bhuala’; do bhri nach eile chuis dha mar an la de agus an la roi, an uair dhealraich do choineal sa oscion a chinn, agus dhionar e fo-sgaile do sgiathan sa o bhuaireibh. Athair cho’romaich naomh agus do ghna re mholla’, thanaig an uair gu ’n dearbhar d’ oglaoch! Athair re ghradhacha’, ata e fiuntach, gu ’m fulana’ d’ oglaoch ’san uair sin ni eigin air do shon! Athair, do ghna d’am buin urram; thanaig an uair, a chunnaig thu re theachd o shiorruidheachd; chum gu ’n antromaichear d’ oglaoch re tamul beag o’n leath-amuigh, chum bhith ach beo dhuitse do ghna o’n leath-steach; feadh tamul beag chum gu cuirear’ suarach e, gu ’n ilseichear, agus gu ’n tuitea’ e sios an lathair-dhaoine, chum gu ’n craghar go geur e le fulanasaibh agus le galaraibh, chum agus gu ’n eireichea’ e aris maille ruit aig brisea’ mach an ur sholluis! Athair naomh mar sin dh orduich thu, agus mar sin b’aill leat, agus rinnead an ni so mar a dh orduich thu! [TD 174] Oir is gras so do d’ charaid, chum gu bithea’ e air a chragha’, agus ag fulana’ ’san t saoghal so airson do ghraidh; cia minic air bith, no cia lamh air bith leis an ceadaich thu sin teachd air. Ni bheil aon ni deanta air thalamh gan abhar, agus as eagmhais do chomhairle agus do fhreasdal sa. Is math dhamh, o Thighearna! gu ’n d’ ilseich thu mi; chum gu foluimin d’ fhireanachas sa, agus gu cuirin uam gach uabhar agus gach an-danadas cridhe. Tha e feamalach dhamh gu ’n do chodaich naire mo ghnuis; chum gu sirin thusa na’s tocha, chum solas thoirt dhamh, na na daoine; mar an ceudna fhuair mi folum uaidhe so, chum eagal ghabhail as do bhreathanas dho-ransach sa, a tha ag cragha’ an ionruichte maille ris an daoi, ach ni ’n ann gan chorach agus ceartas. Bheiream buidheachas dhuit, chion nach do chaonn thu mi ann m’ uilc, ach gu ’n do bhrugh thu mi le buaileibh goirt, ’g am chragha’ le piantaibh, agus ag cuirea’ triobloid orm amuigh agus asteach. Agus cha ’n eile aon, do gach uile ni fo neamh comasach air furtachd thoirt dhamh, ach amhain thusa Thighearna mo Dhia Leich neamhail nan anam! a’ ta leona’, agus ag slanacha’, a’ta toirt sios gu iofroin, agus ag treorucha’ air ais aris: tha do smachd sa orm, agus teagaisgi’ do shlat sa mi. Feuch! Athair ionmhuin, tha mise eadar do lamhan agus cromam mi fein sios fo shlat do smachd sa. Buail mo dhruime agus mo mhuineal, chum gu cromuin sios mo chruime gu do thoilse. Dean mi mar dheisciobul iriseal agus diadhai’ dhuit, mar bu ghnathach leat a dheanamh go maith; chum, aig gach uile am gu ’n imeichin air do smeid. Earbam mi fein, agus m’ uile se ruit chum bhith air a smachducha’ leat; oir is fearr bhith air a smachducha’ ann so, no ’san am re theachd. Is aithne dhuit gach uile ni, agus gach aon ni man seach, [TD 175] agus ni bheil neo-ni’ folluichte ort anns an choguis dhaonna. Tha fios agad air na nitheibh re thighin roi dhoibh bhith deanta; agus ni ’m bheil feam agad, gu teagaisgea’ neach air bith thu, no gu comhairleichear thu ma aon ni a’ ta deanta air an talamh. Is aithne dhuit ciod ata iomchui’ gu mo dhol air adhairtse, agus am mor fheam a’ ta ann triobloid, chum am mheirg lochdach ghlana’ as: buin rium reir do ghean-maith fein, ’se so is mian leam, agus na dean dimeas air mo bheatha pheaccach sa a ’s leir dhuit fein amhain na ’s fearr agus na ’s soilleir na do aon neach eile. Thoir dhamh o Thighearna! gur aithne dhamh an ni bu choir dhamh fios bhith agam air; gaol thoirt do ’n ni, bu choir a ghradhacha’, so mholla’ a’ ta ro thaitneach dhuit, so mheasa’, a’ ta luach-mhor ann do lathairse, so dhimheasa’, a’ ta spideal ann do shuileibh. Na ceadaich dhamh breath thoirt reir sealla’ nan sul o’n leath amuigh, no binn thoirt reir eisdeachd cluasan nan daoine, gan eolas air an ni ma bheil iad: Ach gu ’n tuguin breath araon air na nitheibh foluiseach agus spioradalta le ceart breathanas; agus gu ’n sirin do ghna toil do ghean-maith se oscion gach uile ni. Is tric tha smuaintean nan daoine mealta ’n am breathanas sa, agus meallar gradhoirean an t saoghail so tre gradhacha’ na nithe faicsineach amhain. Ciod a’ta ’n duine na’s fearr dheth, chion gu measar e na’s airde le duine? Tha dara duine mealtach ag mealla’ an duine eile; tha ’n diamhaoineach ag mealla’ an diamhaoineich, an dall an dall, an lag an lag eile; am feadh a’ta se ’g a ardacha’, tha se do rirea’ ’g a naracha’ na’s moa, an tra tha e go diamhaoin ’g a mholla’ sa. Oir mhead agus a’ta gach aon neach ann do shuileibh, an uraid sin a’ta e, agus gan tuile, deirse naomh iriseal Francis. [TD 176] CAIB. LI. Gur eigin duinne sinn fein chleachda’ ann Oibreibhi iriseal, an uair nach feudar leine ruigsin air na ard Netheibh. MHIC, cha ’n eil thu laidir na’s leoir, chum seasamh do ghna ann togar teasmhorach nan subhailce, no bhith fad-mhairreanach ann ard cheim an choi-bheachdai’; ach tha feam agad air uaireibh, thighin anuas chum na nithe iosal, tre abhar na cead truailleachd; agus eullach na beathai’ thruailli’ so ghiulana’, eadhon le dragh, agus dhain’-eon. Co fada agus ghiulanas tu mancuairt leat an corp basmhor so; mothaichi’ tu arsnaileachd agus truime cridhe. Bu choir dhuit, air an abhar sin, am fad agus a’ta thu ’san fheoil, eullach na feola chaoithea’ go tric; chion nach urra’ dhuit gan lasach bhith air d’ oibreacha ann cleachdaibh spriodalta, agus ann beachdaibh diadhai’. Ann san am sin, tha e feamail dhuit thu fein thoirt chum oibre iriseal o’n leath-amuigh, agus thu fein dh aotromacha’ ann gniomhaibh math, agus bhith featha’ air mo theachd, agus air mo fhiosracha’ neamhail se, le earbsa daingean; agus d’ fhogar so, is tirmeachd d’ inntin se ghiulana’ suas go foighidineach, gus am bith thu aris air d’ fhiosracha’ leam, agus air do shaora’ o gach uile iomaguin. Oir bheir mi ort do phiantan dhio-chuimhneacha’, agus fois cridhe mhealtuin. Cuirri’ mi sgaoilte ann do lathair trachdan taitneach nan Scrioptuir, chum air do ’n chridhe bhith air a shinea’ mach; gu ’n toiseich thu air ruithea’ ann slighe m’ aitheanta sa, agus gu ’n abair thu, nach fiu fulanasa na aimsir so, air ghloir re theachd a dfhoilseichir annaine. [TD 177] CAIB. LII. Ni coir do’n Duine e fein mheasa’ fiuntach air Solas, ach na’s tocha toiltineach air Buaileibh. THIGHEARNA, ni bheil mi fiuntach air do sholas, na air fiosracha’ air bith spioradalta, agus air an abhar sin, tha thu go ceart ag buintin rium, an uair dfhagas tu mi bochd agus m’ aonranach. Oir ghe na b’ urruin mi na deoir shiola’ mar chuan, cha bhithin fosd fiuntach air do sholas sa. O’n nach b’ fhiach mi ni, ach bhith air mo sgiursa’ agus air mo chragha’, chion gu’n do lochdaich mi go minic agus go trom ’na d’ aghaise, agus gu’n do pheaccaich mi gu ro mhor ann am moran. Uime sin, reir gach deagh reasun, ni ’m fiach mi an solas is lugha: ach thusa’ Dhia, a’ta math agus trocaireach, ni ’n aill leat d’ obair sa sgriosa’, chum taisbeana’ beartais do mhaitheas ann saothachaibh na trocair, a’ta thu deonacha’ d’ oglaoch sa fos chofurtacha’ thar gach toiltineas, agus oscion tomhais dhaonna. Oir cha ’n eil do sholasan mar cho-bhruidhean nan daoine. Ciod rinn mise o Thighearna! chum gu tuga’ tu dhamh solas neamhail air bith? Oir ni cuimhne leam neo-ni do mhath a rinn mi, ach gu robh mi do ghna air m’ aoma’ gu bochduin, agus leasg chum leasacha’ beathai’. Tha e fior, agus cha ’n urra’ dhamh aich-euin: agus nan abairin an t arrachd, sheasamhui’ tu ann ’m aghaise, agus ni bithea’ aon ann a dhiona’ mi. Ciod thoill mi airson mo pheacaibh, ach iofroin agus teine siorrui’? Aideicheam an firinn, gu bheil mise toiltineach air gach uile spid agus tair; agus ni cubhui’ dhamh bhith chomhnui’ ann measg do luchd-crabhach sa. Agus [TD 178] ghe gur doileich leam so chluintin orm fein, ghidhea’ airson sga na firinn, cuiream mo pheacan as mo leath fein, chum gu toillin na b’ fhurasda do throcair se fhaotuin. Ciod their mi, mise a’ta ciontach agus lan do rughnaire? Ni bheil beul-labhairt agam, ach amhain am focul so; pheaccaich mi, O Thighearna! pheaccaich mi; dean trocair orm, thoir mathanas dhamh. Leig dhamh re tamul beag; chum gu guilin amach mo bhron, roimhe dhamh dol gus an talamh dhorch air a choducha’ le sgaile dubhrui’ bhais. Creud a’ta thu ’g iarra’ air peaccoir ciontach agus truadh, ach gu deana’ se airreachas, agus gu’n ilseichea’ se e fein a chion chiontan sa. Ann am brisea’ cridhe fhireanach, agus ann irisealacha’ cridhe ginear dochas am mhathanais, agus tha coguis buaireasach air a cuirea’ ann reite, deanar suas an gras cailte, dionar an duine o’n choruich re theachd; agus a’ta Dia, agus an t anam re airreachas ag tachairt ri cheile ann am poga’ naomh na sio-chainte. Tha brisea’ cridhe iriseal nam peaccoir, mar iobairt thaitneach dhuitse Thighearna, agus is mor agus is cubrui’ a dheagh-aile ann do lathair se, na tuis losgai.’ Se so fos an t unga’ taitneach sin, a b’ aill leat bhith air a dhorta’ air do chosaibh naomh; do bhri, nach do chuir thu riamh cul ri cridhe briste iriseal. Ann so tha ionad dionai’ o ghnuis fheirg an namhaid. Ann so, glanar as, agus caraichear suas ciod air bhith bha ceagailte na salaichte ann aite air bith eile. [TD 179] CAIB. LIII. Cha ’n ’eil Gras Dea air a chopairteacha’ ri Luchd-smuainteacha’ nan Nithe talmhui’. MHIC, tha mo gras luach-mhor, cha ’n fhulain se bhith air a chuirea’ cuid-ri nitheibh iomallach, no mar-ri solasaibh talmhui;’ air an abhar sin, is eigin dhuit cul chuirea’ ri bacaibh uile ghrais; ma’s mian leat e bhith air a dhorta’ steach annad. Iarr aite foluichte dhuit fein, gradhaich bhith chomhnui’ maille ruit fein amhain; na sir bhith ri bruidhean ri neach air bith; ach ann aite sin, doirt amach urnuidh chrabhach ri Dia, chum gu coimhead thu d’ inntin ann tuirse-cridhe, agus an choguis glan o pheaca, meas an saoghal uile mar neo-ni, agus raoineich fritheala’ air Dia roimh gach ni o’n leath-amuigh. Oir cha’n urra’ dhuit fritheala’ ormsa, agus anns an am cheudna bhith gabhail do thlachd sa ’sna nitheibh sin a dol thart. Is eigin dhuit thu fein tharruinea’ air falbh o luchd-eolais, agus gaoil, agus an inntin chumail tuasgailte o gach uile solas aimsireal. Amhuil sin, tha an t Abstal beannaichte Pedear ag guidhea’ air Creidmheich Chriosd iad fein choimhead mar choigreich agus luchd-cuairt ’san t saoghal so. O! cia mor an t earbs bhitheas aige an ti sin, aig uair a bhais, nach’ eil air a chumail le togar do ni air bith ’san t saoghal? Ach ni ’m bheil an t anam lag comasach air a chridhe bhith aige dealaichte mar so o gach uile ni; ni mo tha fios aige ’n duine fheol-mhor air saorsuin an duine o’n taobh-steach. Ach ma’s aill leis bhith spioradalta do rirea’, is eigin dha cul chuirea’ ris na nitheibh fada uaidhe, go maith agus riusan a’ta lamh-ris; agus [TD 180] an tuille faicill bhith aige air fein, na air aon neach eile. Ma bheir thu buaidhe ort fein go iomlan, cuiri’ tu chuid eile fo gheill go furasda: ’si so bhuaidhe choilionta, an lamh an uachdar ghlan air fein. Oir an ti, a’ta ’g a chumail fein fo gheill, chum gu bithea’ feolmhorachd umhal do reasun, agus an reasun dhamhsa anns gach uile ni; ’se so go deimhin am fear-buaidhe air fein agus tighearna an t saoghail. Ma’s mian leat dol gus an airde so, is eigin dhuit toiseacha’ go fearoil, agus an tuagh chuirea’ ris an fhreamh ’no bun, chum gu spiana’ agus gu millea’ tu an claona’ foluichte agus an-orduichte sin dhuit fein, agus ionsui’ gach math uaigneach agus talmhui’. Tha ’n t olc so, leis am bheil an duine ’g a gradhacha’ fein go mi-riaghailteach, aig iochdar gach ni a’ta re spiana’ ’mach agus re buaidhe thoirt air; air dha ’n olc so bhith air a buadhacha’ agus fo smachd; bithi’ sio-chainte mhor agus fois bhi-bhuan ann. Ach bhri gur tearc iad a’ta re saothracha’ chum basacha’ dhoibh fein go iomlan, no ag sinea’ amach ann taobh-amuigh dhiu fein; air an abhar sin, tha siad ag faotuin lub-cheangailte annta fein; ni mo dfheudas iad bhith air an togail suas ann spiorad os an cion fein. Ach an ti tha togara’ go toileach trialla’ maille rium, is eigin dha gu ’n lear-marmh e a ghaol aingi’ mhi-riaghailteach uile se, agus gan leannachd dheanamh ri ni cruthaichte air bith tre sannt no gradh uaigneach air bith. CAIB. LIV. Air Gluasaibh fa leath an Naduir agus a Ghrais. MHIC, thoir go dicheallach fanaire gluasan naduir agus an ghrais; chion gu bheil iad ag imeachd [TD 181] go finealta ann coineamh a cheille, agus is ro ghann nitear eadar-dhealacha’ orra, mar an leis an duine spioradalta air a shoilleireacha’ o’n taobh-stigh. Tha gach uile neach gan amharas, ag iarra’ mhaith, agus ag cuirea’ ropa do ghna ni eigin do mhath, araon ’n am briathraibh agus ’n an gniomharaibh, agus uime sin meallar moran fo riochd am mhaith. Tha nadur cealgach, agus ag tarruinea’ moran, ’g an cuirea’ ’san riob, agus ’g am mealla’ sa, agus tha e fein aige do ghna mar chrioch. Ach tha an gras ag imeacha’ go neo-lochdach agus ag aoma’ air ais o riochd uile an uilc, ni cuir e na ceilg roimhe, ach tha e deanamh na uile go glan, airson Dea, anns am bheil e fa-dheirea’ ’ag gabhail tamh. Cha ’n aill leis an nadur, ach dhain-’eon bhith air a cuirea’ gu bas, no bhith air a shrainea’, no bhith air a buadhacha’, no bhith fo smachd go toileach. Ach tha ’n gras ag ionsacha’ a fein chlaoithea’, bhith dol ann aghai’ na feolmhorachd, ag iarra’ bhith fo smachd, ag sirea’ bhith buadhaichte, ni mo is aill leis a shaorsuin arai’ fein leantuin, ach is toigh leis e fein chumail fo ealain, ni mian leis bhith re tighearnas thaireis air aon neach; ach bhith beo ’s ag seasamh, agus ann am bith do ghna fo Dhia; agus bhith deas airson Dea e fein luba’ go iriseal fo gach uile creatoir dhaonna. Tha nadur do ghna re saothracha’ airson a shochair fein, agus ag abhail beachd, air ciod air bith cosain a thig air o ni eile’. Ach tha ’n gras ag sealtuin, cha ’n e air an ni tha gaorasach agus feamail dha fein, ach na’s tocha, air an ni sin a bhitheas tarbhach do mhoran. Tha nadur go toileach ag gabhail urram agus meas: Ach tha ’n gras go deimhin ag toirt go dileas gach gloir agus urram do Dhia. [TD 182] Is eagal leis an nadur naire agus tair; ach is subhach leis an ghras am masla fhulana’ air sga ainm Iosa. Is toigh leis an nadur diamhaoineas agus tamh corporra; ach cha’n urra’ do’n ghras bhith gan sta, ach glacai’ se go toileach gach saothair fo laimh. Tha nadur ag sirea’ nithe boidheach agus neonoch, agus is grain leis na nithe garbh agus suarach; ach tha’n gras toileichte leis na nitheibh min agus iriseal, agus ni fuath leis na nitheibh garbh agus ni diult e bhith coduichte le sean aodach. Tha aire aige ’n nadur air na nitheibh aimsireal, re gairdeachas ma na nithe talmhui’, re bron ma chall, fo choruich leis an fhocul eacoireach is aotruime. Ach tha aire an ghrais air na nitheibh siorrui’; ni lean e ris na nitheibh aimsireal; ni buairear e’ le call nan nithe; ni deanar feargach e leis na briathraibh is gairge; chion gu’n shuidheich e ionmhas agus a ghairdeachas sa air neamh, far nach caillear dad air bith. Tha nadur santach, agus ag gabhail na’s toileichte, na bheir e, agus is toigh leis a chead bhith aige dha fein; ach tha ’n gras lan pailteis agus fosgailte ann an cridhe, ag seachna’ feinealachd, toileichte le beagan, ag tabhairt fanaire, gur beannaichte ni thoirt seachad, na ghabhail. Tha nadur ag aoma’ chum na creatoirean, gu fheoil arai’ fein, gu diamhaoineas, agus gu seabhaiseach amuigh; ach tha ’n gras ag tarruinea’ gu Dia, agus ionsui na subhailcean, ag cuirea’ cul ris na nitheibh sin, a’ta ’n an aghai’ se; a’ta se teichea’ o’n t saoghal, ag toirt fuath do mhianaibh na feola, ag baca’ na seachrana mancuairt agus ag gabhail naire teachd lathair ann folluiseachd. Tha solas eigin go toileach aige an nadur o’n leath-amuigh, anns am bheil tlachd go mothachail aige; ach [TD 183] tha’n gras ag iarra’ bhith air a chofurtacha’ amhain ann an Dia, agus mor thlachd bhith aige ’san ard mhath oscion gach uile ni. Tha nadur ag deanamh an iomlan airson a mhaith agus a shochair arai’ fein, gan duais cha ’n urra’ dha dad dheanamh; ach tha duil aige re ni go maith no na’s fearr; no molla, no gean-math fhaotuin airson a dheagh ghniomhara, agus is mian leis a dheanatasa, agus a thobhairteasa bhith air am measa’ go mor: ach ni bheil an gras ag sirea’ ni air bith aimsireal; no ’g iarra’ luach-saothair air bith eile, ach Dia amhain mar dhuais, no ag miannacha’ dad air bith thuille do nitheibh feamail na beathai so, ach mhead agus bhitheas iomchui’ chum siorruidheachd shona fhaotuin. Tha gairdeachas air nadur ma moran chairdean, agus luchd-gaoil, re bosd ma inmheachd fhuinn, agus eireagh a ghinealaich se, tha e re sodal riusan a’ta cumhachdach, re meadal riusan a’ta beartach, agus ’g am molla’ san a’ta coslach ris fein. Ach a’ta ’n gras ag gradhacha’ eadhon a namhaidean, agus ni moa sheidear suas e le mor bhuidhean nan cairdean; ni cuir e meas air aite, no air eireagh ginealaich, ach an uair bhitheas subhailce na’s moa naisgte ruit; ach gabhai’ se ris am bhochd na’s tocha na ris am bheartach, co-fhulanai’ se na’s moa maille ris an neo-chiontach, na mar ris an chumhachdach; ni se gairdeachas maille ris an fhireanach, ni ann mar-ris an neo-fhireanach; tha se ’g earalacha’ luchd-mhaith do ghna bhith eudmhor airson na tiolacan is fearr, agus tre subhailcean bhith coslach ri Mac Dea. Ni nadur gearan go grad ma ghainea’ agus triobloid; ach giulanai’ an gras go seasmhach suas le bochduin. Tha nadur ag tionda’ gach uile ni ’n a ionsui’ fein, agus re coga’ is re consboid air a shon fein; ach tha ’n [TD 184] gras ag tabhairt air ais gach uile ni gu Dia, o’n tunaig iad air tus; cha cuir e dad do mhath as a leath fein, ni moa ghabhas e aon ni go dan air fein; cha’n ’eil e ri consboid, no deanamh raoghain air a bharail fein, roi barail luchd-eile; ach tha e ’g a chuirea’ fein, anns gach tuigse agus ceadfai’ fo gheill do ’n ghliocas shiorrui’ agus fo ransacha’ dhiadhai’. Tha nadur ag iarra’ bhith eolach air nitheibh foluichte, air nuaitheachdaibh chluintin; is aill leis bhith folluiseach o’n leath-amuigh, agus eolas bhith aige air moran tre na ceadfaidhean; tha e togarach air an aire thoirt dha, agus ag deanamh na nithe o’n tig molla’ agus iongantas: ach cha’n ’eil suim aige an ghras do sgeoil, is ni faic e nithe neonoch; chion gu bheil so uile ’g eireagh o’n t sean thruailleachd, an uair nach ’eil neo-ni ur, no mairreanach air an talamh. Tha e teagasga’ baca’ chuir air na ceudfaibh agus suairceas dhiamhaoin agus spleagh sheachna’, agus na nithe re’m molla’ agus fiuntach air iongantas ghabhail asta, fholacha’ go iriseal; agus anns gach uile ni agus folum, tora’ na buannachd spioradalta, agus molla’ agus onoir Dhea iarra’. Cha ’n aill leis e fein, no na nithe is leis’ bhith air an ardacha’, ach is mian leis Dia ’n a uile thiolacaibh bhith air a bheannacha’, a’ta toirt gach uile ni seachad le gradh glan. Is sollus o neamh an gras so, agus tiolaca’ arai’ o Dhia e, agus cothar ceart an t sluaigh thaoighte agus geall an t sabhalais shiorrui’, a’ta togail suas an duine o speis nan nithe talmhui’, chum gradh nan nithe neamhail, agus do ’n fheoil, chum a dheanamh spioradalta. Air an abhar sin, mar is moa chumar an nadur sios agus fo smachd, is ann is moa dhoirtear asteach an gras, a’-leasuichear go lathail an duine o’n leath-steach reir iomhai’ Dhea le nua-fhiosrachaibh. [TD 185] CAIB. LV. Air Truailleachd an Naduir, agus air Neart an Ghrais dhiadhai’. THIGHEARNA mo Dhia a chruthaich mi reir d’ iomhaigh agus do choslach fein; deonaich an gras so dhamh a dfheuch thu bhith go mor agus go fheamail chum slainte; chum gu faithin buaidhe air mo naduir ro olc, a’ta tarruinea’ gu peacan agus chum sgroisa’. Tha mi mothacha’ laigh am pheacai’ ann m’ fheoilse ag cuirea’ ann aghai’ laigh m’ inntin se, agus ’g am’ thoirt ann bruite chum umhalachd na feolmorachd ann moran nithe; ni bheil e comsach dhamh dol ann aghai’ a dhroch-fhulanais se, mar cuideich do gras ro naomh mi air a dhorta’ go teth ann mo chridhe se. Tha feam agam air do ghras, agus air gras mor, chum gu buaidheichear an naduir claon do ghna o oigeas gu olc: oir air dha tuiteam agus a bhith air a thruaillea’ tre peaca an cheud duine Adhaimh: thanaig piantas an smala so anuas air chinea’ daoine, ionnas gu bheil an naduir fein cruthaichte leatsa math agus ceart, anois air a chuirea’ mach airson ciont agus laigse an naduir thruailli’; chion gu bheil a ghluasan sa, eisean air a fhagail dha fein, ag tarruinea’ chum uilc agus na nithe so bhos: oir cha’n ’eil an neart beag a’ta fantuin, ach mar shradag fholuichte ’san luath. ’Se so fein an reasun nadurra air a chuairteacha’ le dubhra mor, air dha fosd bhith aige breathanas am mhaith is an uilc; agus fad na firinn agus na breig; ghe nach’ eil e comasach dha, gach ni choiliona’ a’ta se dearbha’, ni mo tha e nois ag mealtuin lan sholluis na firinn no fallanachd a chead thogara sa. [TD 186] O so ata e, o mo Dhia! gur tlachd-mhor leam do lagh reir an duine o’n leath-steach, air dhamh fios bhith agam gu bheil d’ aithne math, ceart agus naomh, ag ditea’ gach olc agus peaca, mar nithe bu choir bhith air an seachna’. Ach ghidhea’ feadh ata mi ’san fheoil, tha mi riaracha’ laigh am pheacai’, agus is moa tha mi re umhalachd do ’n fheolmorachd na do ’n reasun: o sin ata e, gu bheil toil a lathair maille-ruim, ach doigh ’sam bith chum maith dheanamh, ni faidheam. O so tha e tachairt gur aithne dhamh go maith slighe na foirfeachd, agus gur lear leam go leoir shoilleir, ciod bu choir dhamh dheanamh; ach air dhamh bhith air, mo sharacha’ le cuideam mo thruailleachd arai’ fein, ni bheil mi ’g eireagh chum na nithe sin is iomlanaiche. O cia ro fheamail ata do ghras Thighearna dhamh! chum toiseacha’ air an ni sin a’ta math a chuirea air adhairt agus a choiliona; oir as a eagmhais se cha ’n urruin mi dad dheamamh. Ach is urra’ dhamh gach uile dheamamh annad sa, air dhamh bhith air mo neartucha’ le do ghras. O ghrais do rirea’ neamhail, as t eagmhais se ni bheil toiltineas sam bith againe, ni moa tha tiolaca’ sam bith do ’n naduir re mheasa’! ni fiu inleachd air bith, no beartas, no ailne, no neart, no ciall no deas-chainte ann do lathairse o Thighearna! gan an gras; oir ata tiolacan an naduir rei’ araon do ’n mhath agus do ’n dream olc; ach ’se ’n gras no gradh diadhai tiolaca’ arai’ na muintir thaoighte; leis an toillear iadsan am bheatha shiorrui’ a’ta air an sgeadacha’ leis. Tha ’n gras so go ro mhath, ionnas agus nach ’eil sta air bith ann tioloca’ na faidheadorachd, no deanamh na miorbhuilean, no ann dealbhacha’ air bith, cia b’ e ard gu bheil e, as a eagmhais se; agus ni bheil fos [TD 187] creideamh, no earbs no na subhailcean eile sam bith taitneach dhuitse gan ghras agus gradh. O an ghrais ro bheannaichte a’ta deanamh am bochd ann spiorad saibhir ann subhailceibh; agus ag fagail eisean a’ta beartach ann moran nithe, iriseal ann cridhe. Thig, teirin, far am bheil mi, lion mi ’san uair mhath le do sholas, air eagal gu fannaich m’ anam sa tre sgiothas agus tirmeachd na inntin. Guidheam ort Thighearna, gu faidheam gras ’na do shealla sa, oir is leoir do ghras sa dhamh, ghe nach faidhin aon diu so a ’s mian leis an naduir. Ma bhitheas mi fo bhuairea’ agus air mo chragha’ le triobloideibh lionor, cha gabh mi eagal as olc air bith, an tra bhitheas do ghras maille-rium. ’S’ eisean mo neart, tha e toirt comhna’ agus comhairle seachad, tha e na’s treise na gach uile namhaid agus na’s glice, na gach luchd-gliocais air bith. ’Se so maisdear na firinn, fear teagaisg an fholuim, sollus an chridhe, fear-furtuchai’ an dream fo thriobloid, fear-fuadachai’ bhroin, a chuireas eagal air falbh, altramoir na crabhachd, agus fear-toirt amach nan deoir. Ciod e mise as a eagmhais se, ach maide tirm agus bunn gan fheam re thiligea’ air falbh? Uime sin o Thighearna! leig do do ghras dol romham agus mo leanachd do ghna, agus go bitheanta mo dheanamh suidheichte air deagh oibreibh, tre Iosa Criosd do Mhac. Amen. [TD 188] CAIB. LVI. Gur coir dhuinne sinn fein aich-euinea’ agus Chriosd leanachd tre na Crois. MHIC, mar is moa is urruin thu dol amuigh assad fein; mar is moa bhitheas tu comasach air dol asteach annamsa. Oir mar ata gan dad mhiannacha’ o’n leath-amuigh ag deanamh sio-chainte stigh, amhuil sin, ata bhith ’g ar fagail fein ’g ar ceangala’ sa ri Dia. Is aill leam thu bhith ’g ionsacha’ d’ aich-euin iomlan fein ann mo thoilse gan naghai-ra air bith, no gearan. Lean mise; is mise an slighe, an fhirinn, agus am bheatha. Gan slighe, cha’n imeichear, as eagmhais na firinn, ni gabhar eolas; gan bheatha cha bhithear beo. Is mise an slighe bu choir dhuit leantuin, an fhirinn bu choir dhuit chreidsin, am bheatha, anns am bu choir dhuit d’ earbs chuirea’. Is mise an slighe neo-thruailleichte, an fhirinn do-thuitemeach, agus am bheatha neo-criochnach. Is mise an slighe ro dhireach, an fhirinn is airde, am bheatha chinteach, am bheatha shona, agus am bheatha neo-chruthaichte; ma mhairreas tu ann mo bheatha sa, gabhai’ tu fios air an fhirinn, agus ni ’n fhirinn saor thu agus thig thu air am bheatha shiorrui’. Ma’s aill leat dol chum na beatha, coimhead na aitheanta; ma’s aill leat fios ghabhail air an fhirinn, creid mise; ma’s aill leat bhith iomlan, creic na bheil agad. Ma’s aill leat bhith dhamh mar mo dheisciobul, aich-euin thu fein; ma’s aill leat am bheatha shiorrui’ bhith agad, dean tair air am bheatha so lathair. Ma’s aill leat bhith air d’ ardacha’ air neamh, ilseich thu fein ’san t saoghal so. Ma’s aill leat rioghacha’ maille-riumsa, giulain an crann-ceusai’ mar-rium. Oir siad oglaoich [TD 189] na crois a gheabh amach slighe an t sonais agus an fhior-sholluis. Thighearna Iosa! chion gu bheil do slighe se cumhun, agus fo thair aige an t saoghal; deonaich dhamh gu lean mi thu, agus bhith fo dhimeas aige an t saoghal maille-ruit. Oir cha’n ’eil an seirbheasach na’s airde na Thighearna, ni mo tha ’n deisciobul oscion a mhaisdear sa. Cleachdar do sheirbheasach an do bheatha sa, chion gur ann annsin ata mo shlainte agus mo naomhachd fhireanach. Ciod air bith thuille air so, leabhas, no chluineas mi, cha’n aotromaich e mi, ni mo bheir e lan thlachd ugam. Mhic, is aithne dhuit anois na nithe sin agus leabh thu uile iad; is beannaichte bhitheas tu, ma choilionas tu iad. An ti aige am bheil m’ aitheanta sa, agus a’ta ’g an choimhead, ’s eisean aige am bheil gradh dhamh sa; agus gradhaichi’ mise e agus foilseichi’ mise mi fein dha, agus bheir mi air suidhea’ maille-rium ann rioghachd m’Athair se. Thighearna Iosa! mar thuairt, agus mar gheall thu, amhuil mar sin deantar go deimhin e, agus gu ’n tachairea’ e dhamh, gu’n toillin e; ghabh mi chrois, ghabh mi i as do lamh sa; giulaini’ mi, giulaini’ mi ise eadhon gu bas amhuil mar chuir thu orm i. Go fireanach ’se beatha an deagh mhanaich an chrois, ach is crois i tha ’g a threoracha’ gu flathanas, Air dhuinne toiseacha’, ni bheil e laghail dol air ais, ni mo is coir a leagail dhinn. Bhrathairean, gabhhaibh misneachd, rachamaid air adhairt cuid-ri cheille, bithi’ Iosa maille-riun. Ghabh sinn ann chrois so fo laimh, air sga Iosa, agus airson Iosa seasamaid go buan ris chran-cheusai’; bithi’ se na fhear-cuideich dhuinne, an ti se ar ceanard agus fear-iuil se. Feuch a’ta ar rioghsa trialla’ romhain se, a [TD 190] chuireas an cath air ar shon sa. Leanamaid e go misneachail, no cuirea’ eagal oilt air aon neach. Bithemid deas air basacha’ go foghainteach san choga’, agus na tugamaid masla air ar gloir, tre bhith ag teichea’ o’n Chrois. CAIB. LVII. Na bithea’ an Duine ro arsnaileach, an tra thuiteas se ann cor Chiontaibh. MHIC, tha foighidin agus irisealachd fo thriobloidean na’s taitneiche leamsa, na moran solais agus crabhachd ann ’sna nitheibh sona. Carson ata thu fo bhuairea’? airson focul beag, air a ra’ ’na d’ aghai se; ghe gu ’n robh e na bu mhoa, cha bu choir dhuit bhith air do ghluasa’. Ach nois leig seachad e; cha ’n e cheud rud e, agus cha ni ur e, ni mo ’se rud ma dheirea’ bhitheas ann, ma bhitheas tu fada beo. Tha thu laidir na’s leoir, am fad agus nach tachair neo-ni crosanta ort. Is math fos bheir thu comhairle, agus is aithne dhuit luchd-eile neartucha’ le briathraibh; ach an uair thig grad thriobloid ionsui’ do dhorus sa, tha thu araon ag failligea’ ann comhairle agus ann neart. Thoir fanaire do laigse mhor fhein a dfhiosraich thu go tric ann cruasaibh beag; ghidhea’ tha so air a dheanamh airson do mhath, an uair thuiteas so no leathaidean eile ort. Cuir as do chridhe e mar is fearr is aithne dhuit e, agus ma bhean e ruit, ghidhea’ na leigea’ e sios thu, na cuma’ e thu na’s mo fada ’san riob. Anns an chuid is lugha giulain e go foighidineach, mar urra’ dhuit ghabhail le aoibhneas. Agus ghe nach aill leat go deonach a chluintin, agus gu bheil thu mothacha’ [TD 191] feirg ag eireagh annad fein, smachdaich thu fein, agus na ceaduich do ni sam bith mi-riaghailteach dol amach as do bheul, a dfheudas oilbheam thoirt do’n dream lag. Ciuineichear ann uine ghear am gluasa air a dhusga’ annad, agus nitear blasta am pian o’n leath-steach, air piltin do’n ghras. Fosd ata mi beo deir an Thighearna, agus deas air comhna’ thoirt dhuit, agus solas na’s moa na roi, ma dh earbas tu annam, agus gu’n gairm thu orm go crabhach. Cum d’anam glan, agus deasaich thu fein airson an tuille ghinlana’. Cha’n ’eil an t iomlan cailte, ghe gu faic thu thu fein go tric fo bhuairea’ agus air do chragha’ go trom: is duine thu, is cha Dia thu, is feoil thu, is cha’n aingeal thu. Cionnas dfheudas tu fantuin do ghna ann staid cheudna na subhailcean; ann tra bha so dhioth air na aingealaibh air neamh, agus air cheud duine am pharas. Is mise an ti a’ta togail suas agus ag sabhala’ an dream bhronach, agus ag direacha’ suas luchd-eolais an laigse fein chum mo dhiadhachd sa. Thighearna gu’m beannaichte gu robh am focul so agad, is milse e do mo bheul na meal agus an cheir mheala. Ciod dheanuin ann mo thriobloideibh agus mo theanachaibh mor, mar cofnrtuichea’ tu mi le do bhriathraibh naomh? Ciod an umhail; cia mor no ciod a dfhulaineas mi, ma ’se agus gu’n tig mi fa-dheirea’ gu dorus na slainte? Deonaich dhamh crioch mhath, thoir slighe sona dhamh amach as an t saoghal so. Bith cuimhneacha’ orm mo Dhia, agus seol mi air an t slighe dhireach chum do rioghachd sa. Amen. [TD 192] CAIB. LVIII. Cha choir bhith ri runsacha’ steach ann Cuiseibh ard no ann Breathanasaibh foluichte Dhea. MHIC, thoir an aire nach bith thu re consboid ma nitheibh ard agus ma bhreathanasaibh uaigneach Dhea. Carson a’ta eisean eile mar sud air a fhagail, agus eisean so eile air a thogail chum gras go mor? Carson mar an ceudna, chraghar an neach ud go trom, agus thogar suas an neach so eile go ro ard? Thu na nithe so dol fad thaireis air comas uile an duine, agus ni mo is urrra’ reasun no seanachas air bith ruigsin air breathanasaibh Dhea. Air an abhar sin, an uair chuireas an mamhaid na nithe sin ann do chridhe, no chluineas tu daoine neonoch air bhith ag geur-shirea’ steach annta; thoir seachad freagar an Fhaidh: ata thu co-romach o Thighearna! agus tha do bhreathanas direach: agus aris; ata breathanasan an Thighearna fior, air an fireanacha’ annta fein. Is eagalach an ni ransacha’ asteach dheanamh air mo bhreathanasaibh; oir ata siad do-smuaineichte do’n tuigse dhaonna. Na bith fos ag sirea’ steach, no ri consboidean ma thoiltineasa nan Naomh, co acca dhiu is maomha na aon eile, no co dhiu is moa acca ann rioghachd nan neamh. Oir is minic ata leathaidin so ginea’ tuasaidean agus coistri’ gan fheam, ag altrama’ suas uabhar agus gloir dhiamhaoin mar an ceudna, o’n eireich fearmadan agus tuaileasan; an tra tha ’n aon ud re spairnea’ go uaibhreach chum an Naomh ud chuir air thoiseach agus an neach so eile ag toirt an inmhe is airde do Naomh so eile. Nois, ni bheil mian-eolais nan nithe [TD 193] sin, no toil bhith ag sirea’ steach nan leathaideibh ag giulana’ tora’ sam bith; ach tha iad na’s tocha re mio-thoileacha’ nan Naomh; do bhri, nach e mise Dia ain-reite, ach Dia na sio-chainte; an t sioth tha-na’s moa, ag coisheasamh ann fior irisealachd, na ann an arducha’ arai’ fein. Tha cuid air an tarruinea’ tre eud, chum an dream so, no dream ud le gradh na’s moa; ach tha’n gaol so na’s tocha talmhui’ na diadhai’. Is mise an ti a rinn na Naoimh uile, a thug gras dhoibh, agus a thug iad gu gloir. Is fiosrach mise air toiltineasaibh gach aon dhiu air leath; ghabh mi ropasa le beannachaibh mo milseachd fein. B’aithne dhamh mo mhuintir ionmhuin roi an cruthacha’, thaogh mise as an t saoghal iad, agus cha do raoineich iadsan mise roi-laimh. Ghairm mi iad le gras, tharruin mi ugam iad le trocair, agus thug mi air adhairt iad go sabhailte troimh ioma buairea’, phairteich mi riu solasa thar ordugh, thug mi dhoibh buan-sheasmhachd agus chrun mi fein an foighidin se. Is aithne dhamh an ceud neach agus an neach deireanach dhiu, agus tha mi ’g an glaca’ uile le gradh do-mheasta. Ataim re’m mholla’ ann m’ uile Naoimh se; tha mise beannaichte oscion gach uile, agus re ’m onoracha’ anns gach aon fa leath a dh ardaich mi go glormhor, agus a roi dh orduich mi mar sin, gan an toiltineas arai’ air bith roi-laimh. Air an abhar sin, co sam bith ni tair air an aon is lugha do mo Naoimh se ni bheil e ’g onoracha’ an neach dhiu is airde, do bhri, gur mise rinn am beag agus am mor. Agus an ti bheir uaidhe aon air bith do m’ Naoimh, tha e toirt uamsa, agus o’n chuid eile uile ann rioghachd nan neamh. Is aon iad uile tre coi-cheangal an ghraidh; tha t aon [TD 194] smuainte acca, is aill leo an t aon ni, agus tha siad uile gradhacha’ cheille ann aon. Ach fosd (an ni is ro airde na’s sin) tha tuille gradh acca dhamhsa, na tha acca dhoibh fein, no do’n toiltineasaibh; oir, air dhoibh bhith air an togail suas os an cion fein, agus air an tarruinea’ amach as an gradh arai’ fein, ataid go iomlan air an sluga’ sios ann mo ghradh sa, anns am bheil iad fos ag gabhail tamh tre mealtuin shiorrui’. Ni bheil neo-ni ann, a’s urruin an arracha’, no ’n antromacha’ sa; oir, air dhoibhse bhith air an liona’ leis an fhirinn shiorrui’ ata iad ag losga’ le teine an ghraidh nach feudar a mhucha’. Air an abhar sin, bithea’ na daoine feolmhor agus biasdail ’n an tosd mu labhairt air cor nan Naomh, d’ an nach aithne gradh thoirt, ach d’ an gairdeachas uaigneach. Ata siad ag cuirea’ ris, agus ag toirt air falbh do reir an claona’ fein, cha ’n ann mar is taitneach leis an fhirinn shiorrui’. Ann moran ata ain-eolas, agus annta sa go sonruichte, a’ta go beag air an soilleireacha’ d’ an gann aige ’m bheil fios air aon neach ghradhacha’ le gaol iomlan spioradalta. Tarruinear mar an ceudna moran le tlas nadurra no le cairdeas dhaonna chum an dream so no dream ud ghradhacha’; agus mar ata smuaintean acca ma na nitheibh so bhos, amhuil sin ata am beachd sa ma na nitheibh neamhail. Ach ata dealacha’ do-choimeiste eadar an ni a’ta an neo-iomlan ag smuaineacha’, agus na nithe a’ta na daoine soilleireichte tre taisbean neamhail ag sealtuin air. Air an abhar sin, thoir an aire, mhic, nach dean thu seanachas go min-shireach air na nitheibh sin a’ta dol thaireis air d’ eolas; ach bithea’ so na’s tocha mar run agus mar chrioch agad, chum gu feudar d’ fhaotuin ann [TD 195] rioghachd neimh, ghe gu ’m b’ ann mar an neach bu lugha ann sin. Agus ghe gu ’m b’ aithne do neach sam bith, co ti bu naomha, no bu mhoa bhithea’ ann rioghachd neimh: ciod am feam bhithea’ san fhios so dha, mar ilseichea’ se e fein ann mo lathair leis an smuainte sin, agus gu toga’ sin e chum an tuille cliu agus molla’ do m’ ainmse. Tha eisean ag deanamh moran na’s taitneiche do Dhia, a’ta smuaineacha’ air mead a pheaca sa agus air lughaid a shubhailcean, agus air cia fada ata eisean air falbh o iomlanachd nan Naomh; na eisean a’ta re consboid ma thimcheall co acca dhiu is moa no is lugha. Is fearr go mor gairmea’ air na Naoimh le urnuidheibh crabhach agus le deoireibh, agus an aontachd glormhor sa ghriosa’ le inntin iriseal, na bhith re ransacha’ ’n an diamhaireachd tre fiosracha’ dhiamhaoin. Tha siad go maith agus go ro cheart toileichte, na b’ aithne do dhaoine bhith toileichte, agus sgurachd d’an seanachasaibh faoin se. Cha ’n ’eil iad re gloir ’n an toiltineasaibh fein, oir cha ’n ’eil iad ag cuirea’ dad do mhath as an leath fein, ach re toirt an iomlan dhamhsa: do bhri gu ’n do bhuilleich mise orra gach uile ni, mach as mo gradh anabarrach sa. Tha iad air an liona’ le gradh co mor na Diadhachd, agus air an cuirea’ thairies le gairdeachas; ionnas agus nach ’eil neo-ni do ghloir a dhioth orra, agus nach urra’ dad do shonas bhith dhioth orra. Oir mar is airde ata na Naoimh uile ann an gloir, mar is ilse ata iad le sin annta fein, agus le sin na’s gaolaiche agus na’s foisge dhamh. Uime sin ata e sgriobhta agad, gu ’n thilig iad sios an corona an lathair Dhea, agus thuit iad sios air an aodanaibh an lathair an uain, agus rinn iad aora’ dhasan a’ta beo gu saoghal nan saoghal. [TD 196] Tha moran ag ceasnacha’, co neach is moa ann rioghachd Dea? aige nach ’eil fios, co acca bhitheas iad fiuntach, bhith air an aireamh ameasg na naomh is lugha. Is mor an ni, bhith mar an neach is lugha air neamh, far am bheil gach uile ro mhor: chion gu gairmear gach uile ’n an clann do Dhia, agus bithi’ siad mar sin. Bithi’ dream is lugha mar mhile, agus basaichi ’m peaccoir an chiad bliana’. Oir an uair dfheoruich na deisciobuil, co ti b’ airde ann rioghachd na flaitheis; thuair iad am freagar so; mar iompaichear sibh, agus mar bith sibh mar leanabana, cha teid sibh asteach do rioghachd neimh. Air an abhar sin, cia b’ e neach dh ilseicheas e fein mar an leanaban so, ’se sin fein a’s moa ann an rioghachd neimh. Anaoibhin dhoibh se leis an grain iad fein ilseacha’ go toileach maille ris na leanabanaibh; chion neach leig geat iosal rioghachd neimh dhoibhse dol asteach air. Anaoibhin mar an ceadna do ’n luchd bheartach, aige ’m bheil an solasan ann an so; do bhri, air do na bochdan dol asteach do rioghachd Dea, gu ’n seasamh iad amuigh re caonna’. Bitheibh re gairdeachas sibhse a’ta irisealach, agus bithea’ aiteas oiribhse a’ta bochd, air is luibhse rioghachd Dea, ma ’se agus gu ’n imeich sibh ann firinn. CAIB. LIX. Gu bheil gach Earbs agus Dochas r’ an suidheacha’ air Dia amhain. THIGHEARNA, ciod e m’ earbs a’ta agam anns am bheatha so? No creud e mo chofurtuchd is moa ann ameasg nan nithe a’ta re fhaicin fo neamh? Nach tusa e, o mo Dhia mo Thighearna! air nach ’eil [TD 197] aireamh air lionmhorachd do throcair se. C’aite ’san robh an chuis riamh go ceart leam as d’ eagmhais se? no cia an uair a b’ urruin e bhith go olc maille-ruim, air dhuit bhith lathair? ’Se mo raoghain bhith bochd air do shon sa, na bhith beartach as d’ eagmhais. Is raoineiche leam go mor, bhith mar fhear-cuairt maille ruit air thalamh, na sealbh bhith agam air neamh as d’ eagmhais: oir far am bheil thu, ann sin tha neamh, agus far nach ’eil thu ann sin th’ am bas agus iofroin. Is tusa is mian agus is togar dhamh; agus air an abhar sin, is eigin dhamh bhith ’g onsnacha’ air do dheidh se, ag glaothaich, agus ag guidhea’ ort. Fadheoi cha ’n urra’ mi earbs go lear chuirea’ ann neach sam bith chum comhna’ thoirt dhamh ann m’ eigeanaibh, ach annad sa ’mhain mo Dhia sa! Is tu ’m earbs is tu mo dhochas, is tu m’ fhear-solais, agus an ti is fireanaiche thar gach uile. Tha gach aon ag sirea’ an tairbhe fein agus ata thusa ’mhain ag cuirea’ romhad mo shlainte, agus mo bhuannachd sa, agus ag tionda’ gach uile ni chum mo mhath. Agus ghe gu bheil thu ’g am’ chuirea’ sgaoilte fa-chomhair ioma triobloid agus buairea’, tha thu ’g orducha’ so go lear airson mo thairbhe se, a ghnathaich do mhuintir ghaolach sa dhearbha’ air mile doigh fa leath. Anns an deuchuin sin, cha bu choir dhuit bhith na bu lugha air do ghradhacha’ agus air do mholla’, na ghe gu ’n liona’ tu mi le solasaibh neamhail. Annad sa, air an abhar sin. Thighearna mo Dhia! cuiream m’uile dhochas, agus mo dhion: annad sa suidheicheam m’uile thriobloid agus m’eigean; oir tha mi faigheal an iomlan easlain agus neo-sheasmhach, ciod air bith tha mi faicin an taobh-amuigh dhiot, oir is beag am feam ni buidhean nan cairdean dhamh, agus ni urra’ luchd-cuideachd laidir comhna’ thoirt dhamh, [TD 198] no luchd-chomhairle ghlioc freagar thoirt dhamh, no leabhraichean an luchd-fholuim mo chofhurtacha’ sa, no saoibhireas mo shaora’, no aite uaigneach agus taitneach mo dhiona’ sa, mar toir thu fein comhna’ seachad agus mar cuideich, mar neartuich, mar cofurtaich, mar teagaisg agus mar gleath thu fein mi. Oir is neo-ni gach uile ni a chithear air son ar sio-chainte, agus ar sonais, an uair tha thu fein as an t sealla’: ann firinn ni bheil e cuirea’ dad re arn agh. Is tusa air an abhar sin, tobar gach uile maith, agus airde na beathai, agus doimhneachd an ghliocais, agus ’se bhith ag cuirea’ dochas annad sa, an solas is treise do d’ sheirbeasachaibh. Ugad sa tha mo shuilean air an tionda’. Annad sa mo Dhia sa agus Athair nan trocair tha mi cuirea’ m’ earbs. Beannaich agus naomhaich m’anamsa le beannachd neamhail, chum gu deanar e mar ionad chomhnui’ naomh do ghair siorrui ’se; chum nach faighear neo-ni ann an teambul d’ inmheachd sa, a bheir oilbheam do shuileibh do mhoralachd. Amhairc orm reir meadachd do mhaitheis, agus reir lionmhorachd do throcair mhor sa, agus thoir eisdeachd do unruidh d’ oglaoich bochd sa, fad air chuairt ann glean dubhrui bhais. Dion agus coimhead anam d’ oglaoich fein air feadh ioma gabha na beathai thruailli’ so, agus sduir e ann co-chuideachd do ghras tre slighe na sio-chainte chum ducha’ an t solluis shiorrui’. Amen. CRIOCH AN TREASA LEABHAIR. [TD 199] LEANMHUIN CHRIOSD. LEABHAIR IV. AIR AN T SACRAMAID. Earail Chrabhach chum Commanachd Naomh. Guth Chriosd. THIGEIBH a m’ionnsui’ se uile a’ta re saothair, agus fo throm-eulaich, agus bheir mise fois dhuibh. An t aran a bheir mise uam, is e m’ fheoil e, a bheir mise airson beatha an domhuin; gabhaibh, icheibh; ’se so mo Chorpsa, a’ta air a bhrisea’ air bhur son sa. Deanaibh so ann cuimhneachan orm sa. Cia b’e dh icheas m’ fheoil se agus a dh olas m’ fhuilse ’ta se gabhail comhnui’ annamsa agus mise ann sa. Na bhriathran a labhair mise ruibh, is spiorad agus is beatha iad. CAIB. I. Cia mor an t Urram leis am bheil Criosd re gabhail. ’SIAD sin fein do bhriathran o Chriosd an fhirinn shiorrui’! ghe nach do labhairear iad ’san aon am, no air an sgriobha ’san aon aite. O’n is iad do bhriathran ann agus gu bheil iad fior, tha iad uile r’ an [TD 200] gabhail leamsa maille ri buidheachas agus creideamh. Is leatsa iad, agus is tu a labhair iad, agus is leamsa iad fos, chion gu’n tug thu seachad iad airson mo slainte se. Gabham iad go toileach o do bheul, chum gu suidheichear iad na’s tine ann mo chirdhe. Gu’n tuga’ na briathran so lan caomhalachd, lan milseachd agus graidh, misneachd dhamh. Ach tha mo pheacan fein ag cuirea’ oilte orm; agus mo choguis neo-ghlan ’g am’ chumail air m’ ais o theachd ionnsui diamhairean go mor. Tha milseachd do bhriathraibh se toirt misneachd dhamh, ach ata lionmhorachd mo chiontan sa ’g am antromacha’ sios. Tha thu ’g orducha’ gu tigin ugad maille ri earbs, ma’s aill leam cuid bhith agam maille ruit, agus gu gabhuin biadh na neo-bhasmhorachd, ma’s mian leam beatha agus gloir shiorrui’ fhaotuin. Thigeibh, deir thusa; ann a m’ ionnsui’ se uile ata re saothair, agus fo throm-eullaich agus bheir mise fois dhuibh. O ’m focul mileis agus gaolach ann cluas am pheaccoir; gu ’n tuga’ tusa Thighearna mo Dhia sa! gairm do ’n fheamach agus am bochd gu commanachd do Chuirp ro naomh sa. Ach creud e mise o Thighearna! gu gabhuin an danadas teachd ugadsa. Feuch! cha ’n urruin neamh nan neamha do chumail agus tha thu ’g ra. Thigeibh ann a’ m ionnsui’ se uile. Ciod is ciall do ’n aontachd ghaolach so, agus do ’n chuirea’ so co cairdeal? Cionnas dfheudas mise teachd, a’ta fiosrach, nach ’eil dad do mhath annam fein? Cionnas bheir mi steach thu do mo thighse, a lochdaich go minic ann aghai’ do ghnuis ghrasmhor? Tha na Aingeil, agus na h Ard-aingeil, ag seasamh ’n a do lathair le mor urram; tha eagal air na Naoimh, agus na fireanaich; agus ghe sin, ata thu ’g ra: Thigeibh ann a [TD 201] m’ ionnsui’ se uile. Mar abairea’ tu fein so, o Thighearna! co chreidea’ e bhith fior? Agus mar orduichea’ tu e, co dheana’ dicheall teachd air adhairt. Feuch! shaothraich Noa an duine ionruic re ciad bliana’ ann deanamh na Airc, chum gu coimheadar eisean maille ri bheagan; agus cionnas dfheudas mise ann uine aoin uair mi fein dheasacha’ chum Cumadoir an t saoghail ghlaca’ le urram. Rinn Maoise do sheirbheasach mor, agus do charaid sonruichte fein an Airc do fhiogh neo-thruailli’, a choduich e thaireis leis an or bu ghloine, chum gu cuirea’ e steach inte claran an Lagh: agus an gabh mise a’ta ’na mo chreatoir lobh an danadas, fear-deilbh an laigh, agus fear-toirt na beathai’ ghlaca’ go furasda. Bha Salom, Riogh ro ghlioc Israeil re seachd bliana’ ag togail teambul ro ghline chum molla’ d’ ainm se; agus rinn e feisd a choisreigea’ re ochd laan. Thug e suas mile do iobairteibh sio-chainteach, agus thug e Airc an chumhnaint steach air doigh ghraonach, chum an aite uimeichte air a son, maille re fuaim na trombaid agus luaghairdeachas. Agus cia-mar bheir mise a’ta na mo dhuine ro bhochd agus mio-shona, thusa steach gu mo thighse, nach aithne, ach gann aon leath-uair chaithea’ go crabhach; agus gu tuga’ Dia gu’n do chaith mi leath-uair fein ach aon uair go ceart, agus bu choir dhamh. O mo Dhia! cia mor an dicheall rinn iadsan, chum do thoileacha’ sa. Mo chragh! cia ro bheag an ni ’taim ag deanamh? Cia gaorraid an t am tha mi caithea’? an tra ’ta mi ’g am’ shuidheacha’ fein airson commanachd. Is tearc an t am a’ta mi tionailte go lear, agus is ro thearc an t am a’ta mi saor o gach seacharan inntin. Agus go cinteach ann lathaireachd fhallain do Dhiadachd sa, nach bu choir smuainte sam bith mio-chiatach [TD 202] teachd’ san rod, no m’ inntin bhith air a togail suas le dad air bith cruthaichte. Oir cha ’n e Aingeal ach Tighearna nan Aingeal a’ta mi ghabhail fo oidheachd. Ach ghidhea’ sin, is anabarrach an dealach a’ta eadar Airc na chumhnaint maille ri fuileachaibh se, agus do Chorp ro ghlan sa maille r’ a shubhailceibh do-labhairteach sa; eadar na iobairtean sin an Laigh, a bha mar chotharan air na nitheibh re theachd, agus air offrail fhireanach do Chuirpse coi-liona’ nan sean iobairtean uile. Cuime? air an abhar sin, nach ’eil mi air mo lasa’ suas na’s moa, ag smuaineacha’ air do lathaireachd urramail se. Cuime? nach ’eil mi ’g am’ dheasacha’ fein leis an tuille curaim, chum do thiolacan naomh sa ghlaca’: An uair thaisbein na Naoimh sin o shean, na Ard-athaireacha, na Faidhean, na Rioghan fos, agus na Priunsan, maille ris an t sluagh go lear, teo-chridheachd go mor thaobh an aora’ dhiadhai’. Rinn ann Riogh ro chrabhach Dadhai’ dausa le uile neart sa ann lathair Aire Dhea ag cuimhneacha’ air na sochaireibh a thuga’ do Athaireachaibh o shean: Rinn e organan agus inneal ciuil do ioma ghne, chuir e amach soilm, agus dh orduich e iadsan bhith air an seinea’ le gairdeachas; shein e fein go tric air an chlarsaich bhinn; agus air dha bhith teagaisgte le gras an Spioraid Naoimh, dh ionsuich e do mhuintir Israeil Dia mholla’ le ’n uile chridhe, agus le beul co-fhuaimneach-ciuil eisean bheannacha’ agus ardacha’ air feadh gach uile la. Ma ’se agus gu’n robh crabh go mor air a ghnathacha’ ’san am sin, agus gu’n robh am molla’ diadhai’ go mor ann lathair Airc na cumhnaint. Cia mor an crabh agus an t urram bu choir bhith agam sa agus aig’ an t sluagh chriosdui’ uile, ann lathaireachd an t sacramaid, ann an glaca’ do Chuirp ro mhath sa? [TD 203] Tha moran sluaigh ag ruithea’ chum aitean fo-leath, gu fuileachan nan Naomh fhaicin, agus air an liona’ le iongantas ag cluintin dhoibh an gniomhara, agus re faicin togaileibh mor an teambuil se, agus ag poga’ an cnamhan naomh sa air an faisgea’ suas ann sitea agus or. Agus feuch ata thusa lathair agam ann so air an altair! mo Dhia sa, Naomh nan Naomh, Cruthadoir nan daoine agus Tighearna nan Aingeal. Air faicin an leathaidean so do dhaoine; mothachear iad go tric le neonochas agus arrachas an t seallai’, ach is beag an tora’ bhuainear as; go arai’ far am bheil iad ruithea’ air adhairt agus air ais gan bhron airson am peacan sa. Ach ann so air an altair ’san t sacramaid ata thu lathair go iomlan mo Dhia sa an Duine Iosa Criosd; far an glacar fos tora’ pailte na slainte shiorrui’, go tric agus bhitheas tu air do gabhail go crabhach, agus fiuntach. Agus gu so, ni tarruinear sinn le aotromas air bith no neonochas no feolmhorachd, ach le creideamh dhaingean le dochas crabhach agus le gradh direach. O Dhea, Cruthadoir neo-fhaicsineach an t saoghail, cia miorbhuileach ata thu buintin riunn! Cia mileis agus grasmhor ata thu ’g orducha’ gach uile ni, chum caoineas fheuchuin do d’mhuintir thaoghtae, d’am bheil thu ’g a d’ thairgsea’ fein re ghlaca’ san t sacramaid! Oir tha so dol thairies air tuigse uile nan daoine; tha so go sonruichte ag tarruinea’ cridheachan nan chrabhach, agus ag lasa’ suas an gradh sa. Oir tha iadsan do luchd-fhireanach fein, a’ta ’g an suidheacha’ fein chum leasacha’ am beatha sa uile, ag glaca’ go minic gras mor na crabhachd agus gradh na subhailce tre ’n t sacramaid ro fhiuntachd so. O! is iongantach gras foluichte an t sacramaid so, a ’s aithne do luchd-fhireanach Chriosd amhain. Ach [TD 204] ni ’n urruin fios bhith aige na mi-chreidmheich agus traillean am pheacai’ air so. Ann ’san t sacramaid so, tha gras spioradalta air a thoirt, agus deanar an t subhailce cailte suas anns an anam aris; agus pilli’ an sgiamh air a mio-mhaisea’ le peaca, air ais aris. Tha ’n gras so air uaireibh go mor, ionnas agus gu mothaich, cha ’n e ’mhain an inntin, tre pailteas na crabhachd air thoirt seachad; ach fos an corp lag, an tuille do spiona’ neartmhor. Ghidhea’, ’se an t abhar broin agus cruais ata againe, chion gu bithemid go meo-bhla agus go dearmadach agus nach tarruinear sinn, chum Criosd ghabhail le tuille teo-chridheachd; ann ’sam bheil dochas uile agus toiltineas an mhuintir re ’n sabhala’ ag coi-sheasamh. Oir ’se eisean ar naomhachd agus ar fuasgal sa, ’s eisean solas an luchd-cuairt agus mealtuin shiorrui’ nan Naomha. Is mor an t abhar broin mar an ceudna, gu bheil go lionor ag gabhail suim go beag do ’n diamhair shlainteal so, a deanamh aoibhneas air neamh, ag coimhead an t saoghail go lear. O! air doille agus cruas cridhe an duine, nach ’eil toirt aire na’s moa air an tiolaca’ do-labhairteach so, a’ta tuiteam ann an dimeas uirre o a gnathach lathail se. Oir na bithea’ ’n sacramaid ro naomh so air a iomraiteacha’ ach ann aon aite ’mhain, agus air a choisreigea’ le aon Sagairt amhain ’san t saoghal: cia mor am togar leis ann saoil thu, ghabha’ daoine orra gu dol chum an aite sin, agus ionnsui’ leathaid Shagairt a bhuinea’ do Dhia; chum agus gu faicea’ iad na diamhairean diadhai’ air an ard-mholla’? Ach nois is lionmhor Sagairt a’ta deanta, agus offralar Criosd suas ann iomad aite: chum gur moa thaisbeinea’ gras agus gradh Dhea do ’n duine, mar is farsaine ata commanachd air a sgaoilea’ feadh an t saoghail. Buidheachas gu robh [TD 205] dhuitse Iosa mhaith, am Buachaile siorrui’, a dheonaich ar beathacha,’ sinn ata bochd agus ’n ar coigreich, le do Chorp agus d’ Fhuil phriseal: agus chum gabhail nan diamhairean so, tha eadhon labhairt do bheoil arai’ fein ’g ar cuirea’ sa, ag ra: Thigeibhse uile ’a m’ ionnsui’ se, a’ta re saothair agus fo eullaich throm, agus bheir mise fois dhuibh. CAIB. II. Gu bheil Maitheas mor, agus Gradh Dhea air an taisbeana’ ’mach do ’n Duine anns an t Sacramaid so. Guth an Deisciobuil. THIGHEARNA! ag cuirea’ m’ earbs ann do mhaitheas agus do throcair mhor, thigeam air m’adhairt go easlainteach gu mo Slanuidheor, go ocrach agus tartmhor gu tobar na beathai, go feamach gu Riogh na neimh, mar sheirbheasach gu Thighearna sa, mar chreatoir gu Chruthadoirse, mar neach air fhagail gu m’ fhear-solais gaolach. Co as ata so dhamh, gu ’n tigea’ tu ’a m’ ionnsui’ se? Co e mise, chum gu ’n tuga’ tu thu fein dhamh? Cionnas dfheudas an leathaid do pheaccoir teachd ’n a do lathair? Agus cionnas ata thusa deonacha’ teachd ionnsui’ am pheaccoir? Is aithne dhuit do sheirbheasach, agus tha fios agad nach ’eil neo-ni do mhath aige anna fein, fa ’n tuga’ tu an sochair so dha sa. Air an abhar sin, tha mi ’g aideacha’ mo shuarachd fein, agus ag aidmheilea’ do phailteis se; mollam do mhaitheas, agus bheiream buidheachas dhuit airson do gradh ro mhor. Tha thu deanamh so air son do sga fein, cha ’n an airson mo thoiltineasan, ach chum gu ’m bithea’ aithne na b’ fhearr agam air do [TD 206] mhaitheas, gu bithea’ an tuille graidh air a dheonacha’, agus gu bithea’ an irisealachd na b’ iomlain air a molla’. Uime sin, chion gu bheil so taitneach dhuit agus gu ’n d’ orduich thu e bhith mar sin; tha d’ aontucha’ caomhail ’g am’ thoileacha’ mar an ceudna, agus b’ aite leam nach bithea’ m’ easaontas na bhaca’ air. O Iosa ro bhlasta agus lan do phailteis! cia mor an t urram agus am buidheachas, maille re molla’ bi-bhuan a’ta dligheach dhuitse, airson glaca’ do Chuirp naom sa, a fheothas sa, cha’n fhaighear aon duine tha comasach air a luaithea? Ach ciod air an smuaineich mi anns an commanachd so, ann mo dhluthacha’ sa, chum mo Thighearna, d’ a nach urra’ dhamh go brach an t urram sin thoirt bu choir dhamh; agus ghidhea’ bu mhian leam a ghlaca’ go crabhach? Ciod air an smuaineich mi na’s fearra agus na’s fallaine do m’ anam, na bhith ’g am ilseacha’ fein go iomlan ann do lathair, agus ag molla’ do mhaitheas anabarrach sa thairies ormsa. O mo Dhia! mollam thu, agus ardaicheam thu air feadh na siorruidheachd. Deanam tair orm fein, agus geilleam dhuit, ’g am chuirea’ fein sios ann doimhneachd ma shuarachd fein. Feuch! is tusa Naomh nan Naomha, agus is mise salachar nam peaccoirean. Feuch! ata thusa ’g aoma’ a m ionnsui’se, nach fiu sealtuin orm anuas. Feuch! ata thusa tighin ugam, agus is aill leat bhith maille rium; ata thu ’g am chuirea’ chum do chuirm; is aill leat biadh neamhail thoirt dhamh, agus aran nan Aingeal re ichea’, agus cha’n aran eile go deimhin, ach thu fein, an t aran beo, a thanaig nuas o neamh, agus tha toirt beatha do ’n t saoghal. Feuch! co as ata ’n gradh so ag teachd amach, agus ciod am pailteas a’ta ’g a fhoilseacha’? Cia mor na [TD 207] buidheachasan agus na mollan a ’ta dligheach dhuit airson na nithe sin! Cia fallan agus tarbhach bha d’ inleachd sa, an uair dh orduich thu so? Cia blasta agus aite an cuirm, an tra thug thu thu fein seachad ann am biadh! O cia iongantach d’ obairse Thighearna! Cia comasach do chumhachd sa! Cia neo-mhearachdach d’ fhirinn se! Do labhair thu, agus rinnead iad, agus bha sin deanta a dh orduich thu. Is iunnach an ni e, agus toiltineach air creideamh, agus ag dol thaireis air tuigse nan daoine, gu bithea’ tusa Thighearna mo Dhia sa am fior Dhia agus Duine air do chumailse go lear so riochd beag arain agus fhion, agus ata air d’ ichea’ leis an fhear-ghabhail as eagmhais do bhith caite. B’ aill leatsa Thighearna nan uile nithe, aige nach’eil feam air aon neach, tre d’ shacramaid se tamh ghabhail annaine. Coimhead mo chridhe agus mo chorp gan smala; chum gu bith mi comasach air do dhiamhairean naomh sa dh iomraiteacha’ go tric le coguis ghlan agus aiteas, agus sin ghlaca’ chum mo shlainte shiorrui’ se, a shuidheich agus a dh orduich thu go sonruichte air son d’ onoir fein mar chuimhneachan brioghor bi-bhuan. Bithea’ aiteas ort o m’ anam! agus thoir buidheachas do’n Thighearna air son an tiolaca’ agus an t solais ro uasal arai’, air a fagail dhuit ann glean nan deur so. Oir, cia minic agus dh aireseas tu na diamhairean so, agus ghlacas tu Corp Chriosd; co tric sin ata thu ’g iomraiteacha’ obair do shaorsuin, agus nitear thu do chophairteicheor air toiltineasaibh uile Chriosd; oir, ni traoghar gradh Chriosd am feasd agus ni moa tha mead a dhiolsa air a thirmeacha’ go siorrui’. Air an abhar sin, bu choir dhuit, thu fein uimeacha’ chum so, tre a-nuathacha’ bitheanta treor a d’ inntinse, agus dia- [TD 208] mhair mor na slainte cho’romacha’ le beachda faicilleach. Agus bu choir dha bhith air a fhaicin leat, go minic agus their, no chluineas tu Aorruin, bhith cheart go mor, go ur, agus go tlachdor dhuit, agus ghe gu bithea’ Criosd air an la sin fein air a dheanamh ’n a dhuine, air tearnna’ dha ’san toiseach gu broin na Oigh, no mar gu bithea’ se fulana’, agus ag basacha’ air an chran-cheusai’ air son sabhalas nan daoine. CAIB. III. Gu bheil e tarbhach an Commanachd ghabail go tric. Guth an Deisciobuil. FEUCH! thigeam ’a d’ ionnsui’ s’ o Thighearna chum gu bithea’ e go maith leam le do thiolaca’ sa, agus gu deanar mise aite ann do chuirm naomh sa, a dheasaich thu o Dhea! ’n a do mhilseachd chum nam bochd. Feuch! annadsa tha t iomlan, is choir, na is urra’dhamh mhiannacha’; oir, is tusa mo shlainte agus mo shaorsuin, mo dhochas agus mo neart mo thlachd agus mo ghloirse. Uime sin dean aoibhneach air an la diu anam d oglaoich fein; chion gu ’n thog mi suas m’ anam sa ugad; Thighearna Iosa! Is mian leam nois go crabhach, urramach do ghabhail se. ’Se mo thogar sa do thoirtse steach gu mo thigh se; chum gu toillin do bheannachd sa mar Scacheusus agus bhith air m’ aireamh ameasg cloine Abrahaim. Ata deidh aige m’ anam air do Chorp, agus ata mo chridhe togara’ bhith ceangailte ruit. Thoir thu fein thaireis dhamh, agus is leoir sin. Oir, as d’ eagmhais se, ni bith feam ann solas sam bith. Cha ’n urruin mi bhith as d’ eagmhais, agus gan d’ fhiosrachas, cha’n’ eil e comasach dhamh bhith beo. Air [TD 209] an abhar sin, is eigin dhamh dluthaca’ ruit go tric, agus do ghabhail se mar leigheas m’anaim, air eagal gu fanaich mi san t slighe, ma bhitheas am biadh neamhail so dhioth orm. Oir, amhuil so, thuairt thu air uair, o Iosa ro throcaireach! ag seirmonacha’ do ’n t sluagh agus ag leigheasa’ easlaintean fa leath. Ni’n aill leam an cuirea’ air falbh gu ’n tigh se air ocras; air eagal gu bith iad ag fanancha’ san t slighe. Uime sin; buin rium sa air an achd cheudna, thusa a dfhag thu fein ’san t sacramaid airson solas nan creidmheach. Oir, is tusa a-nuathacha’ blasta an anaim, agus an ti dh icheas thusa go fiuntach, bithi ’se na chophairteich ’sna oirre air an ghloir shiorrui’. Tha e go deimhin feamalach dhamsa, a’ ta go minic ag tuiteam agus faileigea; gu’n a-nuathaichin, gu glanuin agus gu’n lasuin mi fein suas tre urnuidhean tric agus aidmheilean chum naomh ghlaca’ do Chuirp se; air eagal le a sheachna’ na’s faide, gu tuiteam o mo run naomh suidheichte se. Oir tha tuigse an duine o oig se ’g aoma’ chum an uilc, agus mar bithea’ leigheas diadhai’ ’g a chomhna’, thuitea’ an duine go grad ann nitheibh na bu mheasa. Air an abhar sin, tha ’n commanachd ’g a tharruinea o’n olc, agus ’g a dhaingneacha’ sa’ sam mhath. Oir, ma’se gu bheil mi nois go tric dearmadach, agus meo-bhla, an uair ata mi gabhail commanachd, no ’g ra’ Aorruin; ciod thachairear, mar gabhuin an leigheas so, agus mar iarruin comhna’ go mor so? Agus ghe nach’ eil mi iomchui’ air gach la chum commanachd, no suidheichte chum Aorruin ag ra’; ach ni mi mo dhicheall chum na diamhairean diadhai’ ghlaca’ air aman iomchui’, agus mi fein dheanamh mo chophairteich air gras go ro mhor. Oir is e so aon priomh sholais an anaim fhireanaich, go fad agus ata se dol air chuairt uaite ’san chorp bhasmhor so, [TD 210] gu bithea’ se go tric ag cuimhneacha’ air a Dhia sa, agus a ghaolach sa ghabhail le inntin chrabhach. O aontachd iongantach do ghaoilse d’ ar taobh sa! gu deonaichea’ tusa Thighearna Dhia, Cruthadoir agus fear-beothachai’ nan uile spiorad, thighin chum m’ anam ro bhochd sa agus a ocras sa shasucha’ le d’ uile dhiadhachd agus do dhaonnachd sa. O’n inntin shona agus an t anam beannaichte! a’ ta toiltin ortsa a Tighearna agus a Dia sa ghlaca’ go crabhach agus ann do ghabhail se bhith air a liona’ le gairdeachas spioradalta! O cia mor an Tighearna a’ ta e gabhail; cia ionmhuin an t oidheach a’ ta e toirt asteach gu thigh! cia cubhrui’ fear-cuideach a’ ta se gabhail uige, cia dileas an caraid a’ta se taogha’! cia aluin, agus uasal am fear-nua-posai’ a’ ta se gabhail le failte, agus re ghradhacha’ roi luchd-ionmhuin uile, agus re mhiannacha’ oscion gach ni re ’n togara! O m’ fhear ionmhuin gaolach sa! bithea’ neamh agus talamh le’n uile sgeadacha’ sa ’nan tosd ann do fhianuis se, oir, ciod sam bith dh ailne no mollai’ ’ta acca, ’san o dheonachd do phailteas ata e, ni’n arruin iad teachd chum maise d’ ainmse, air nach ’eil aireamh air a ghliocas. CAIB. IV. Gur lionmhor na Sochairean a’ta air an toirt dhoibhse a ghabhas an Commanachd go crabhach. Guth an Deisciobuil. THIGHEARNA mo Dhia sa! gabh romham le beannachaibh do mhilse fein, chum agus gu toill mi teachd air m’ adhairt go crabhach, chum do shacramaid ard-ghraonach sa. Tog suas mo chridhe ugad [TD 211] fein, agus fuasgail mise as an lundaireachd throm so. Fiosraich mi le do ghras stainteil, chum go blasuin ann spiorad do chubhruichdse, a’ta ’na folacha’ ’san t sacramaid so, mar ann a lan tobair sa. Soilleireich mar an ceudna mo shuilean sa; chum amharca’ air diamhaireachd go mor, agus neartuich mi gu sin chreidsin le creideamh gan teagamh sam bith. ’Se so d’ obair fein, agus cha’n e cumhachd an duine; ’se d’ ordugh naomh ann, agus cha’ n e tionsgal an duine. Oir, ni faighear aon neach comasach dhe fein air so thoghail, no thuigsin, a’ta eadhon ag toirt barr air geur-chuiseachd nan Aingeal fein. Am bith mise, air an abhar sin, ’taim mo phe accoir gan fhiu ’na m’ uir agus na mo luath, comasach air ransacha’ steach, agus air diamhaireachd go naomh agus go ard thuigsin? Thighearna, ann neo-lochdach mo chridhe, le creideamh mhath dhaingean, agus ann umhalachd do d’ ordugh, tha mi teachd ’a d’ ionnsui’ se le dochas agus urram; agus creideam go fireanach, gu bheil thu fein lathair ’san t sacramaid so ’n a do Dhia agus ’n a do Dhuine. Is aill leat, uime sin, gu glacuin thu, agus gu ceangluin mi fein ruit ann gradh. Uime sin, guidheam do throcair, agus iarram ort gras sonruichte, chum so thoirt dhamh, chum gu leaghar mi uile annad, agus gu ’n ruithin thaireis le do ghradh sa; chum nach sirin cofurtachd sam bith o ni air bith eile. Oir, is ’se ’n sacramaid ard-fhiach-mhor so, slainte an anaim, agus an chuirp, leigheas gach easlainte spioradalta, leis an slanuichear mo chiontan, srianar mo dhroch-fhulanas, leis an tugar buaidhe air na buaireibh, no leis an deanar na’s lugha iad; leis an dortar asteach an tuille grais, leis am meaduichear an t subhailce cheana air toiseacha’, [TD 212] leis an daingneichear creideamh, neartuichear dochas agus leis an lasar suas agus sinear an gradh. Oir is lionmhor gach math a thug thu seachad agus a’ta thu fosd go minic ag toirt do do mhuintir ionmhuin, a’ta gabhail an chommanachd go crabhach; o mo Dhia, fear-glacai’ m anaim, leasaicheor laigse an duine, agus fear-toirt gach uile solais o’n leath steach! Oir tha thu dorta’ annta solais lionmhor, chum an cumail suas fo’n ioma triobloid se, agus tha thu ’g an togail suas o dhoimhneachd an leigea’ sios fein, chum dochas do dhiona’ sa, agus tha thu ’g an a-nuathacha’, agus ’g an soilleireacha’ sa le nua-gras o’n leath-steach; chum agus gu faith iadsan iad fein, an deidh laimh, a bha roi commanachd fo churam agus gan teo-chridheachd sam bith, na’s fearr, air dhoibh bhith air an chaochla’, agus air an aotromacha’ leis am bhiadh agus an deoch neamhail so. Agus ata thu uime sin, air an doigh so beantuin re do mhuintir thaoite fein; chum gu ’n aideich iad go fireanach agus gu ’m mothaich iad go foluiseach, cia ro lag a’ta siad dhiu fein, agus cia mor ata iad ag faotuin o do ghras agus do phailteas sa. Do bhri gu bheil iad dhiu fein fuar, tirm agus neo-chrabhach, ach leatsa deanar iad durachdach, suntach agus crabhach. Oir co neach a’ta dluthacha’ go iriseal chum tobar na milse, nach giulain leis air falbh beagan do bhlasdachd? No co neach a’ta seasamh lamh re teine mor, nach ’eil ag mothacha’ beagan teas o sin? Nois is tusa an tobar do ghna lan, agus ag dol thaireis, an teine do ghna ag lasa’, gan chaithea’ go brach. Air an abhar sin, mar’eil e ceaduichte dhamh tarruinea’ as iomlanachd an tobair, no ola’ gu mo thoileachas; ghidhea’ cuiream mo beul ri beul na pioba neamhail so; chum anns an chuid is lugha, gu glacuin braon [TD 213] beag o sin, chum mo thart sa aotromacha’, chum agus nach tirmeachear mi go iomlan suas. Agus mar feud mi bhith go lear neamhail agus air theinea’ mar Chearubuin agus Shearaphaim; ach ni mi mo dhicheall chum mi fein thoirt gu crabh, agus mo chridhe dheasacha’ airson lasair bheag eigin fhaotuin do ’n teine dhiadhai, tre glaca’ iriseal an t sacramaid so ag toirt na beathai. Agus ciod sam bith tha dhioth ormsa, o Iosa mhaith, agus shlanuidheor bheannaichte! dean sa suas e ann do phailteas agus do mhaitheas, a dheonaich gach uile ghairmea’ d’ ionnsui’ se, ag ra. Thigeibhse ’a m’ ionnsui’ se uile a’ta re saothair agus fo throm eullaich, agus bheir mise fois dhuibh. Tha mise go deimhin re saothair ann fallas mo ghnuis fein, agus fo phiana le mulad mo chridhe’, air ’m antromacha’ le peacaibh, gan fhois le buaireibh, air mo sharacha’, agus air mo cheangala’ le ioma droch-ardan; gan aon agam a chuideicheas, no shaoras mi, no a ni mi slan, ach thus’ amhain mo Thighearna Dhia, mo Shlanuidheor, ris am bheil mi ’g am earbsa’ fein agus na bheil agam, chum gu gleath thu mise, agus gu ’n toir thu mi chum na beathai shiorrui’. Gabh mise airson mollai’ agus gloir d’ ainmse; a dh uimeich do Chorp agus d’ Fhuil chum biadh agus deoch dhamh. Deonaich dhamh o Thighearna Dhea mo shlainte se! gu fas gaol na crabhachd annam tre taoghal tric do dhiamhaireachd sa. [TD 214] CAIB. V. Air Feothas an t Sacramaid, agus air an Inmhe Shagairteach. Guth an Deisciobuil. GHE gu ’m bithea’ agad gloinnead nan Aengeal, agus naomhachd naoimh Eoin Baisde; cha bhithea’ tu toiltineach air an t sacramaid so ghlaca’ no lamhacha’. Oir cha ’n ’eil coir aige toiltineasan air bith nan daoine air so choiseirgea’ na gu ’n lamhaichea’ duine sacramaid Chriosd, agus gu gabha’ se aran nan Aingeal mar bhiadh. Is mor an run-diamhair so, agus feothas nan Sagairt d’ an tugar sin, an ni nach do dheonaichear do na Aingealaibh; oir is ’san aige na Sagairtean amhain, go dligheach air an orducha’ ’san Eaglais, tha cumhachd an Aorruin ’g ra’, agus Corp Chriosd choisreigea’. Se ’n Sagairt go deimhin Minisdear Dhea, ag gnathacha’ focuil Dea tre aithne agus orducha’ Dhea: Ach ’se Dia ann sin, an t Udar arai’, agus am Fear-obair neo-fhaicsineach d’am bheil gach ni is aill leis fo gheill, agus d’am bheil gach uile ni freagarach a’ta se ’g aithnea’. Air an abhar sin, is coir dhuit an tuille creideas thoirt do’n Dia uile-chumhachdach anns an t sacramaid ro mhath so, na do d’ thuigse arai’ fein, no do chothar faicsineach sam bith eile. Agus uime sin, is eigin dhuit bhith ag dluthacha’ chum na obair so, maille re mor eagal agus urram. Thoir an aire dhuit fein agus faic, creud an gne minisdrealachd a thugad dhuit tre cuirea’ lamhan an Easbuig ort. Feuch do rinnear thusa ’n a do Shagairt agus coisruigte chum an Aorruin ag ra’! Feuch anois gu’n offarail thu suas iobairt do Dhia na h am iomchui’ fein, agus gu’n taisbein thu thu fein go neo-choireach. [TD 215] Cha d’ aotromaich thu d’ eullach, ach tha thu nois ceangailte le bann na’s tinne an ealain, agus fo cheangal an tuillead iomlanachd agus naomhachd. Bu choir do’n t Sagairt bhith sgeadaichte leis gach uile subhailce, thoirt easamlair na deagh bheathai’ do luchd-eile. Cha bu choir d’a chonaltra dheanamh reir slighe tuathach agus gnathach nan daoine, ach mar-ris na Aingealaibh air neamh, no maille ris na daoineibh iomlan air thalamh. ’Se ’n Sagairt coduichte ann eideibh naomh sa fear-ionaid Chriosd, chum urnuidh dheanamh ri Dia araon air a shon fein agus airson an t sluaigh go iriseal, air modh a chuingne. Tha cothar na crois aige, araon air a chul-’aobh agus air a bheul-’aobh, chum cuimhneachan do ghna air fulanas Chriosd. Tha e giulana’ na crois air a bheul-’aobh ’na eide se, chum gu’n amhaircea’ se go dicheallach air lorga cois Chriosd, agus gu’n foluimea’ se, eisean leantuin go durachdach; o chul ’aobh tha e cotharuichte leis an chrois, chum gu giulainea’ eisean airson Dea go caomh gach uile gne triobloid a thig air o luchd-eile. Air a bheul-’aobh tha e ’g iomracha’ na crois, chum gu caoinea’ se a pheacan arai’ fein, air a chul ’aobh, chum gu guillea’ se tre truas airson peacan luchd-eile, agus chum gu bithea’ fios aige e fein bhith suidheichte mar mheadhon eadar Dia agus am peaccoir; ni mo bu choir d’a sgurachd do urnuidh agus offrail thoirt suas gus am faith e gras, agus an trocair a’ta e ’g iarra’. An tra ’ta ’n Sagairt ag ra’ na Aorruin, a’ta e toirr onoir do Dhia, ag deanamh nan Aingeal aoibhneach, agus toirt fois do na mairbh, agus ’g a dheanamh ’na chophairteich air gach ni ’ta math. [TD 216] CAIB. VI. Iartas iomchui thaobh Ceusnacha’ roi Commanachd. Guth an Deisciobuil. THIGHEARNA, an uair smuaineicheas mi air do ro fheothas sa, agus air mo ro shuarachd fein, tha mi fo throm-chri’ go mor, agus air mo naracha’ annam fein! Oir, mar tig mi d’ ionnsui’, tha mi teichea’ o’n bheatha, agus ma dh eallas mi steach go neo-iomchui’, tuitea’ mi fo do chorruich. Ciod air an abhar sin’ ni mi, o mo Dhia, m’ fhear-comhna’, agus m’ fhear-comhairle ann m’ uile eigeanaibh! Teagaisg thusa dhamh an slighe direach, cuir romham cleachda gaorraid eigin iomchui’, airson commanachd naomh: oir, ata e feamail dhamh fios bhith agam, ciod an doigh air am bu choir dhamh mo chridhe ullannacha’ dhuitse go crabhach agus go urramach, chum do shacramaid ghabhhail go slainteil, no fos chum offarala’ suas na iobairt mhor agus dhiadhai’ so. CAIB. VII. Air Ransacha’ mach na fein Choguis arai’, agus air Run leasachai’ na Beathai’. Guth an Deisciobuil. OSCION gach uile ni, is choir do Shagairt Dhea teachd air adhairt chum, coisreigea’ chum lamhacha’ agus chum glaca’ an t sacramaid so, le ard-irisealachd cridhe agus urram iosal, maille ri lan creideimh, agus le run diadhai’ onoir Dhea. Ceusnuich go dichealleach do [TD 217] choguis, agus reir do chomais nigh agus glan i, le fior bhron agus aideacha’ iriseal; ionnas agus nach bith neoni trom agad, co fad agus is leir leat a bheir ais-ghearra’ coguis dhuit, no bhacas do shaor-dhol asteach. Bithea’ airreachas ort airson do pheacan sa uile go coitchionta: agus go sonruichte bith re caoithea’ agus fo throm mhulad airson do chiontan lathail, agus ma ’se gu ceadaich an t am e, aideich do Dhia ann uaigneas do chridhe, truaidhean uile do dhroch-fhulanasan. Bith ag osnacha’ agus re mulad; chion gu bheil thu fosd go feolmhor agus go saoghalta, agus neo-chlaoite ann d’ ardanaibh se, go lan do ghluasdan nan ain-mhiana, go neo-fhaicilleach air na ceadfaidheibh o’n leath-amuigh, go tric air do rioba’ le ioma saoilsineibh faoin, go mor air d’ aoma’ chum na nithe o’n leath-amuigh, go dio-chuimhneach air na nitheibh o’n taobh-asteach, go aotrom chum gair-fanaid agus mirea, go dur chum srutha’ na deoir agus tuirse-cridhe: go claon chum lassacha’ agus toileachas na feola, go leasg chum cruas agus durachdas, go neonoch, chum nua-sgeoil eisdeachd agus nithe maiseach fhaicin: go rag, chum na nithe suarach agus iosal ghabhail fo laimh; go sanntach air moran bhith agad, go caonta chum toirt seachad, go greamach chum cumail agad fein, go ubbuin ann seanachas, go neo-chomasach air bhith samhach, go ro mhio-shuidheichte ann beusaibh, go dian ann do ghniomharaibh, go geanach aig biadh, go bothar chum focul Dea, go grad chum fois, go mairnealachd chum saothair, go mosgalach chum faoin sgeoil, go cadalach aig na fairean naomh, go cabhagach chum crioch chuirea’ air d’ urnuidh, go seacharanach chum aire thoirt, go mio-churamach ann an ’g ra’ d offaig se, go meo-bhla ann ’g ra’ na Aorruin, go tirm ann am comman- [TD 218] achd, go eallamh fo sheachran-inntin, go tearc, lan smuaineichte annad fein, go furasda air do ghluasa’ chum feirg, go deas air ciontan luchd-eile ghlaca’, go claointe chum bhreathanas thoirt, go gailleach ann cronnacha’, go aoibhneach ann soirbheas, go lag ann do-shoirbheas, go minic ag cuirea’ romhad ioma nithe math agus ag dheanamh ro bheag. Air dhuit so, agus coirean eile aideacha’ agus an caonna’ le bron agus mio-thoileachas mor thaobh do laigse arai’ fein; cuir run laidir romhad do bheatha sa leasacha’, agus fasa’ ann subhailce. Ann sin, le lan mhisneach agus le d’ uile thoil, thoir suas thu fein gu onoir m’ ainmse air Altair do chridhe, mar iobairt bhi-bhuan, tre bhith ag earbsa’ riumsa go fireanach araon do chorp agus d’ anamsa; chum agus mar sin, gu toill thu teachd chum iobairt offarala’ do d’ Dhia sa, agus sacramaid mo Chuirp se ghlaca’ go slainteil. Oir cha’n ’eil offaral air bith na’s fiach-mhoire, no leoir-shasacha’, no na’s moa chum nighea’ air falbh nan peaca, na neach e fein thoirt suas go glan iomlan do Dhia, maille re offaral Cuirp Chriosd, anns an Aorruin, agus anns an chommanachd. Na deana’ ’n duine, na bheil ’na chomas sa, agus na gabha’ se airreachas do rirea’; go minic agus thig e air adhairt m’ ionnsui’ se airson mathanais agus grais. Mar is beo mise, deir an Tighearna, cha’n aill leam bas am pheaccoir; ach na’s tocha gu’n iompaichear e agus gu’m bithea’ se beo; do bhri nach cuimhneich mi air a pheacaibhse na’s faide, ach maithear dha iad uile. [TD 219] CAIB. VIII. Air Offral Chriosd air a Chrann-cheusai’, agus air a Thoirt suas fein. Guth an Deisciobuil. MAR thug mise mi fein go deonach suas do Dhia an Athair air an chrann-cheusai’, le mo lamhaibh sgaoilte agus mo Chorp lom-nochda airson do pheacan sa, ionnas agus nach d’ fhagar aon ni annam, nach do thiondar ann iobairt, chum cosga’ na Coruich Dhiadhai’: Amhuil sin is eigin dhuitse thu fein thoirt suas dhamh sa go toileach, mar offral naomh agus glan, gach la anns an Aorruin, le d’ uile ghaol agus do spiona’ go fad agus is urruin thu. Ciod an tuille a’ta mi ’g iarra’ ort; ach gu’n ionsaichea’ tu thu fein thoirt suas dhamh go lear? Ciod air bith, bhar ort fein a’ta thu toirt seachad, ni bheil suim agam de, chion nach e do thabhairteas a’ta mise ’g iarra’, ach thu fein. Mar nach bu leoir e dhuit, gach uile ni bhith agad as m’ eagmhais se, amhuil sin cha toileich e mise, ciod sam bith a bheir thu seachad, mar toir thu thu fein seachad. Offrail thu fein dhamsa agus thoir thu fein suas go iomlan airson Dea, agus bithi’ d’ offral sa taitneach. Feuch! thug mise mi fein suas go iomlan do’n Athair air do shon sa; thug mise mar an ceudna mo Chorp agus m’ Fhuil se ann am biadh, chum gu’ m’ bu leatsa mise go iomlan agus gu’m bu leamsa thusa do ghna. Ach ma ’se, is gu seasamh thu air do bhonn fein, agus nach toir thu thu fein suas go toileach, gu m’ aill se, ni’m bheil an t offrail lan, ni mo bhitheas aontachd iomlan eadar-ruin. Air an abhar sin, bu choir [TD 220] do d’ offral dheonach sa dhiot fein’ gu lamhan Dea, dol roi d’ uile obair se, ma ’s aill leat saorsuin agus gras fhaotuin. Oir, air an abhar so, tha co beag do sluagh air an deanamh soilleireichte agus saor o’n leath-asteach, chion nach aithne dhoibhse iad fein aich-euin go iomlan. Ach tha mo bhriathair se daingean, mar cuir neach cul ris gach uile ni, cha’n urruin e bhith na dheisciobul agamsa. Air an abhar sin, ma’s maith leat bhith mar dheisciobul agamsa, offrail thu fein suas dhamhsa maille re d’uile ghaolsa. CAIB. IX. Gur coir dhuine Sinn fein agus giach Ni a’ta againe thoirt suas Do Dhia, agus guidhea’ airson gach uile. Guth an Deisciobuil. THIGHEARNA, is leatsa gach uile, a’ta air neamh agus bhos air thalamh. Is ro mhian leam mi fein thoirt suas dhuitse mar offrail deonach, chum gu’m bu leatsa mise do ghna. Thighearna offralam mi fein dhuit air an la diu ann neo-lochdachd mo chridhe se, mar sheirbheasach bi-bhuan, chum do riaracha’ sa, mar iobairt mollai’ mhairreanach, gabh mise maille ris an offral naomh so do Chuirp phriseol sa, a ’ta mi toirt suas dhuit air an la diu, an lathair nan Aingeal ag seasamh go neo-fhaicsineach ann sin, chum gu bithea’ i airson mo shlaintse agus slainte do mhuintirse uile. Thighearna! tairgeam dhuit m’ uile pheacan agus mo chiontan, a rinn mis’ ann do lathairse, ann lathair d’ Aingeilse, o’n cheud la air an robh mise comasach air peaca dheanamh gus an la diu, ann so air Altair [TD 221] do shio-chainte se, chum gu loisgea’ agus gu claoithea’ tu iad uile as, le teine do graidhse, agus chum gu’n arraichea’ tu air falbh uile smala pheacai’, agus gu glana’ tu mo choguis o gach uile ciont, agus gu’n aisigea’ tu do ghras dhamh a chaill mise le peaca, tre mathanas lan thoirt dhamh san iomlan, agus mo ghlaca’ go trocaireach chum poga’ na sio-chainte? Ciod is urruin mi dheanamh airson mo pheacan sa; ach an aideacha’ go iriseal agus an caoithea’, agus gan tamh, do throcair iarra’ air an son. Guidheam ort, eisd rium ann do throcair ’san aite sam bheil mi seamsamh an do lathairse, o mo Dhia sa! tha mo pheacan go lear ’g am’ ro mhio-thoileacha’, cha’n aill leam go brach bhith ciontach annta, tha mise bronach air an son, agus bithi’ mi bronach go fad agus bhitheas mise beo: tha mi toileach air peanas dheanamh air an son, agus diola’ air an son, go fad agus is urruin mi. Thoir mathanas dhamh, o mo Dhia! laogh dhamh mo pheacan sa, air ghaol d’ ainm naomh sa, tearruin m’ anam sa a shaor thusa le d’ Fhuil priseol sa. Feuch! ataim ’g am’ earbsa’ fein re do throcair se, agus ’g am’ thoirt thaireis ann do lamhaibh se! Buin rium reir do mhaitheas, ni ann reir m’ aingidheachd agus m’ easaontas sa. Tairgeam dhuit mar an ceudna gach math a ’ta agam, ghe gu bheil e ro bheag agus neo-iomlan, chum gu dean thu na’s fearr e, agus gu’n naomhaich thu e; chum gu bithea’ se ciatach agad agus gu’n deana’ tu e taitneach dhuit fein, agus gu’n deana’ tu e na’s fearr agus na’s fear do ghna; agus fos chum gu’n tuga’ tu mise a’ta leasg agus na mo thruadhan gan fheam, chum crioch mhath agus shona. [TD 222] Bheiream dhuit suas fos togara’ diadhai’ uile nan crabhach; bochduinean mo Pharantan, mo chairdean, mo bhrathairean, mo phiuthraichean agus mo luchd-ghaoilse, agus feam an dream sin a rinn math a dhamsa, no do luchd-eile air sga d’ ainm se, no iadsan a dh iarr orm agus a mhiannaich, gu ’n offraluin suas urnuidhean agus Aorruinean air an son fein, agus gach uile a bhuineas dhoibh, co acca beo fosd ’san fheoil no dfhag iad tre bas an saoghal so; chum gu mothaich iad uile comhair do ghrais se, comhna’ do sholais, diona’ o chunnardaibh, fuasgal o phiantaibh agus chum, air dhoibh bhith air an saora’ o gach uile olc, gu ’n toir iad le aoibhneas mor bhuidheachas dhuit. Tha mi toirt suas dhuit fos m’ urnuidhean agus iobairt choi-reite, air an son sa go sonruichte a rinn eacoir orm ann ni sam bith, a chuir mi fo bhron, no a thug tair dhamh; fos air an son sa uile, air na chuir mi mulad, no triobloid, no air an d’ rinn mi dochan, no d’ an tug mi masla air uair sam bith, le briathraibh, no ghniomharaibh, le fios no gan fhios, chum agus gu ’n tuga’ tu mathanas dhuinne ann ar peacaibh agus ar ciontaibh ann aghai’ cheile. Thighearna, thoir amach as ar cridheachaibh gach uile amharas, fearg coruich, agus gach uile coi-stri, agus ciod sam bith is urra’ an gradh chiuirea’, agus an gaol brathaireil dheanamh na’s lugha. Dean trocair Thighearna, dean trocair air an dream a’ta ’g iarra do throcair. Thoir gras do ’n dream a’ta seasamh ann feam air; agus deonaich gu bith sinne fiuntach air do ghras mhealtuin, agus gu faidh sinn am bheatha shiorrui’. [TD 223] CAIB. X. Cha’ n’ eil an Commanachd naomh re bhith air fhagail go furasda. Guth an Deisciobuil. IS coir dhuit go minic, ruithea’ chum tobair an ghrais agus na trocair dhiadhai’, chum tobair am mhaitheis agus an uile ghloineid, am fad agus dfheudas tu bhith air do shlanacha’ o d’ fhulanaibh olc agus do chiontaibh se, agus chum gu ’n deanar thu na’s laidire agus na’s faicilleiche air buaireibh agus ceilg an Diobhail. Air do ’n namhaid fios bhith aige air an tora’ mhor agus an leigheas a’ta ’san chommanachd, tha e deanamh uile dhicheall air gach seol agus fath, go fad agus is urruin e, chum na fireanaich agus am mhuintir chrabhach bhaca’ agus an tarruinea’ air an ais uaidhe. Oir, an tra tha cuid ’g an ullamhacha’ fein chum an chommanachd naomh, ata iad ag fulana’ ionnsuidhean na’s measa Shatain. Tha ’n spiorad aingi’ so, mar ata e sgriobta ann Iob; ag teachd ameasg mic Dhea, chum an cuirea’ fo bhuairea’ le mhio-run gnathaichte se, no chum an deanamh lag-mhisneach agus lan do thriobloid; chum le so, gu ’n traogha’ se an crabh, no le ionnsuidheibh, an creideumh sa thoirt uatha, chum agus gu ’n treig iad an commanachd, no ann san chuid is lugha, gu ’n tig iad d’ a ionnsui le meo-bhlas. Ach cha ’n fheudar suim dheanamh do cheilg agus do bhuaireibh, bithea’ iad cheart go grainealach agus go salach agus is urruin iad bhith, ach is eigin a ionnsuidhean sa uile bhith air an tiligea’ air an ais, air a chean fein. Is coir tair agus spid dheanamh air an truddair; ni moa is coir [TD 224] an commanachd naomh leigeal thaireis airson ionnsuidhean sa, agus na gluasdan a’ta se ’g abhara’ annta. Is tric mar an ceudna tha cuid air am baca’ le ana-curam air crabh bhith acca, agus le iomaguin m’ an aideacha’ dheanamh. Lean ann an so, chomhairle an dream ghlioc, agus cuir uaite gach uile iomaguin agus aincheiste; oir ata sin ag baca’ grais Dea agus ag millea’ crabhachd na inntin. Na leig dhiot an commanachd naomh airson triobloid no dragh bheag sam bith; ach rach go eallamh gu aideacha’, agus thoir mathanas go toileach do luchd-eile ’n an uile chiontaibh ann d’ aghai se, agus ma thug thu oilbheam do neach sam bith, iarr mathanas go iriseal, agus bheir Dia mathanas go toileach dhuit fein. Ciod am feam ann an sinea’ fada chuirea’ ann d’ aideacha’, no dail chuirea’ ’san naomh commanachd? Glan thu fein go luath, sgeath amach an nimhe air ball, dean cabhag ghabhail an leigheas so, agus bithi’ tu na’s fearr, na ghe gu cuirea’ tu dail fhad ann; ma leigeas tu dhoit e, airson an abhar so diu, theagamh gu tig abhar na’s moa’marach, agus air an doigh so, feudae’ tu bhith air do bhaca’ re tamul fhada o chommanachd, agus fasa’ na’s neo-iomchui air a shon. Go eallamh agus tha se ann do chomas, crath dhiot an truime, agus an leisg so; oir is ni gan abhar bhith fada fo bhuairea’ agus fantuin ann triobloid; agus airson na bacan lathail sin, bhith seasamh air ais o na diamhaireibh diadhai’. Seadh, is mor an ciuirea’ th’ ann dail fhada chuirea’ san commanachd; oir tha so go gnathaichte ’g abhara’ fuarachd mor. Mo thruaidhe! tha cuid mhuintir meo-bhla agus lassach ann beusaibh, toileach air dail chuirea ’n an aideacha’ agus ag miannacha’ gu’n cuirea’ sinea’ ’n an commanachd sa; air eagal le sin, gu ’n ceangalar iad chum an tuille curaim gabhail dhiu fein. [TD 225] Och! cia beag an gradh, agus cia lag an crabh a’ta acca san, a chuireas go furasda an commanachd seachad; agus cia sona ata eisean, agus cia taitneach do Dhia, a ’ta beo mar sin, agus ag cumail a choguis ann leathaid do ghloinead, ionnas agus gu bheil se deas air gach la, airson commanachd, na bithea’ e ceadaichte, agus gu ’m feuda’ e sin dheanamh gan bhith cotharaichte. Ach na’m fana’ neach sam bith uaidhe thaobh irisealachd, no abhair bacai’ laghail, tha eisean re mholla’ airson a urram sa; ach ma dh eallas leisg asteach air, bu choir dha e fein dhusga’ suas, agus na bheil ’na chomas dheanamh, agus co-cuiri’ an Tighearna ri mhian sa air son a dheagh thoilse, air am bheil e sealtuin go arai’. Agus an tra ’ta se air a bhaca’ go laghail, bithea’ do ghna toil mhath, agus run diadhai’ aige airson commanachd ghlaca’, agus le sin’ cha bhith dioth torai’ an t sacramaid air. Oir feudae’ gach uile neach crabhach, teachd air adhairt go slainteil agus gan bhaca’ sam bith air gach uile la agus uair ionnsui’ commanachd spioradalta Chriosd; ach ghidhea’ sin, bu choir dha air laan arai’ agus am suidhaichte, maille ri urram, Corp Fhir-fhuasgailse ghabhail go sacramaideach, agus bhith ag beachda’ na’s moa air molla’ agus onoir Dhea, na’s tocha na bhith ag sirea’ a sholais arai’ fein. Oir tha se gabhail commanachd go uaigneach, agus air a bheathacha’ go neo-fhaicsineach, go minic agus ata se gairmea’ go crabhach ann cuimhne diamhaireachd feoil-ghabhalais agus fulanas Chriosd, agus lasar e suas le ghradh sa. An ti nach uimeich e fein, ach an uair tharruineas feisd am foigse, no tha cleachd ’g a sparra’ uige sin, bithi’ se go tric mio-uimeichte. Is beannaichte an ti a’ta ’g a thoirt fein suas do ’n Tighearna mar iobairt, go tric agus their e Aorruin, no ghlacas e commanachd; [TD 226] na bith tuille is fada, na fos cabhagach ann an ra’ na Aorruin, ach thoir an aire air modh gnathaichte na muintir sin, cuid-ris am bheil thu beo: cha bu choir dhuit bhith fadalach no draghail do luchd-eile, ach an slighe gnathaichte choimhead, reir ordugh nan Uachdaran, agus cuir thu fein amach na’s tocha chum tairbhe luchd-eile, na’s moa na airson do chrabh agus do gaol arai’ fein. CAIB. XI. Gu bheil Corp Chriosd agus na Sgrioptuirean naomh ro fheamail air son an Anaim fhireanaich. Guth an Deisciobuil. O Thighearna Iosa ro mhileis! cia mor am milse a’ta aige an anam chrabhach a’ta aig cuirm maille ruit air do bhanais, for nach ’eil biadh sam bith eile, air a chuirea’ roimhe ri ichea’, ach thu fein amhain a ghaolach sa, a’ta an tuille re thogara’, na mianan uile a chridhe se. Agus dhamhsa go deimhin bithi’ se na’s blasta na na deoir thaoma’ mach ann do lathair le tlas uile mo chridhe, agus maille ri Magdalaen chrabhach do chosan nighea’ le mo dheuraibh. Ach c’aite ’m bheil an crabh so, c’aite ’m bheil dorta’ pailte nan deur naomh? Go cinteach ann do lathairse agus ann lathair d’ Aingeil naomhsa, gu ’m bu choir do mo chridhse bhith air a lasa’ suas, agus bhith ag gula’ le aoibhneas. Oir tha thu agam do rirea’ lathair ’san t sacramaid; ghe gu bheil thu foluichte fo riochd eile. Oir d’ fhaicin se ann do dhealra diadhai’ arai’ fein is ni e, nach b’ urra’ mo shuilean fhulana’, agus ni mo b’ urra’ an saoghal uile seasamh roi soilse gloir do mhoral- [TD 227] achd sa. Air an abhar sin, ann so tha thu geillea’ do mo laigse; chion gu bheil thu ’g a d’ fholacha’ fein fo t sacramaid. Tha e do rirea’ agam agus mise toirt aora’ dha, an ti a’ta na Aingeil ag aora’ air neamh, ach tha mise ri sin fosd ’san am so tre creideamh, ach iadsan tre sealla’ gan doilleir. Is eigin dhamhsa bhith toileichte le sollus na fior chreideimh, agus imeacha’ inte, gus am bris amach la na dealra’ shiorrui’, agus gus an leigear seachad sgailean nan comhara. Ach an uair thig ni sin a’ta iomlan, sgurai’ gnathachd nan sacramaid. Oir cha bhith feam aige an t sluagh bheannaichte ’san ghloir neamhail air leigheas nan sacramaid: oir tha iad ri gairdeachas gan chrioch ann lathair Dhea, ag amharca’ air a ghloirse, gnuis ri gnuis, agus air an cru-chaochla’ o dhealra’ gu dealra’ eile na Diadhachd do-thuigsineach ag blasa’ Focul Dea, a rinnead ’n a Fheoil, mar bha se o thoiseach, agus ag mairrea’ gu shiorrui.’ Ag cuimhneacha’ dhamh air na miorbhuileibh sin, tha eadhon gach solas spioradalta ag fasa’ trom agus mairnealach dhamh; chion, am fad agus nach ’eil mise faicin mo Thighearna go soilleir ’n a ghloirse, tha mi measa’ mar neo-ni gach ni a’ta mi faicin, no cluintin ’san t saoghal. Tha thusa o Dhea! mar fhianuis orm, nach urra’ aon ni solas thoirt dhamh, no ni sam bith cruthaichte fois thoirt ugam, ach thusa mo Dhia sa air am mian leam bhith beachda’ air feadh na siorruidheachd. Ach cha’n ’eil so comasach, am fad agus tha mis’ ag mairrea’ ’sam bheatha bhasmhor so. Uime sin, is eigin dhamh mi fein chleachda’ le mor fhoighidin, agus mi fein chuirea’ fo gheill dhuitse ann m’ uile thogaraibh se. Oir dfheath do Naoimh se Thighearna, a’ta nois re gairdeachas maille ruit ann rioghachd nan neamh, am fad agus bha siad beo air thalamh, le [TD 228] creideamh agus mor fhoighidin, air teachd do ghloirse. An ni chreid iad, a’ta mise creidsin, an ni ’sna chuir iad an dochas tha earbs agam ris; an t aite gus an tanaig iad tre do gras, thu mi ’g earbsa’ teachd uige tre do ghras. Ach ann ’san am so lathair, imeichi’ mi ann creideamh air mo neartucha’ trid easamlaireibh do Naoimh se. Bithi’ agam mar an ceudna, airson mo chofurtachd agus sdiura’ beathai, do leabhraichean naomh sa, agus bhar air sin uile, do Chorp ro naomh sa mar leigheas sonruichte agus tearmuin. Oir tha mi mothacha’ da ni ro fheamail dhamh anns am bheatha so, agus as an eagmhais se, bhithea’ ’m bheatha thruadh so do-ghiulainte dhamh; oir tha mi ’g aideacha’ am fad agus tha mi cumtae ann gaintir a chuirp so, da ni bhith feamail dhamh, eadhon biadh agus sollus. Thug thu, air an abhar sin, dhamh, lag mar ata mi, do Chorp naomh chum beathacha’ m’ anaim agus mo chuirp se, agus chuir thu d’ fhocul sa mar lochran solluis do mo chosaibhse. As eagmhais an dias so, ni feudar leam bhith beo. Oir ’s e focul Dea, sollus m’ anaim fein, agus do shacramaid se aran na beathai, agus feudai’ siad fos bhith gairmte mar dha bhord suidheichte, aon air an dara taobh, agus aon air an taobh eile, ann tigh beartais d’ Eaglais naoimh se. ’Se t aon dhiu bord d’ Altair naoimh se, aige am bheil an t aran naomh ’se sin Corp priseol Chriosd; dara aon, bord an laigh dhiadhai’, ann sam bheil an teagasg naomh, ag teagasga’ na creideamh dhireach ag treoracha’ go daingean eadhon gu taobh asteach am bhrait fholuichte far am bheil Naomha nan Naomh. Buidheachas gu robh dhuit Thighearna Iosa, sollus an t solluis shiorrui’, airson buird an teasgaisg dhiadhai’, a dheonaich thu dhuinne tre minisdrealachd do sheirbh- [TD 229] easaich se, na Faidhean, agus na Abstoil agus luchd-teagaisg eile. Bheiream buidheachas dhuit o Chruthadoir, agus Fhir-saorai’ nan daoine! a dheasaich suipear mhor, anns na chuir thu romhuin re ichea’, cha’n e t uan sgaileach, ach do Chorp agus d’ Fhuil naomh fein, chum do ghradh sa fheuchuin do’n t saoghal: ag toirt aoibhneas do d’ fhireanaicheibh uile le do chuirm naomhsa, agus ’g an lom-liona’ sa le capan na slainte, anns am bheil taitneas aite na pharais, agus tha na Aingeil naomh re feisd maille riunn, ach re blasdachd na’s sona. O! cia mor agus urramach ata dreachd nan Sagairtean, d’ an tugar Tighearna na moralachd re choisreigea’ le briathraibh naomh, a bheannacha’ sa le ’m bileibh, a lamhacha’ sa le ’n lamhaibh se, a ghlaca’ sa le ’m beul fein, agus a fhritheala’ sa do luchd-eile. O! cia glan bu choir do na lamhan sin bhith, cia ionlaite am beul, cia naomh an corp, cia neo-choireach bu choir do chridhe an t Sagairt bhith ionnsui ’m bheil Udar na gloineid teachd asteach go minic! Cha bu choir focul teachd amach as beul an t Sagairt no neo-ni, ach an ni a’ta ionruichte, agus tarbhach, eisean a’ta glaca’ go tric sacramaid Chriosd. Bu choir da shuilean bhith neo-lochdach agus geamnui, a’ta air an gnathaca’ Corp Chriosd fhaicin; d’ a lamhan bhith glan agus air an togail suas gu neamh, a’ta cleachda’ Cruthadoir neimh agus na talmhuin lamhacha’. Ris na Sagairteibh go arai’ deirear ’san lagh: Bitheibh se naomh, oir ata mise bhur Tighearna Dia sa naomh. O Dhea uile-chumbachdach! gu cuideichea’ do gras sa sinne a ghlaca’ Dreachd na Sagairteachd chum gu [TD 230] riaraichea’ sinne thu go fiuntach crabhach anns gach uile geamnuidheachd agus deagh choguis. Agus mar urruin sinn ar beatha chaithea’, ann neo-chiontas go mor agus bu choir dhuinne; deonaich anns an chuid is lugha gu caoin sinn go dligheach na peacan a rinn sinn, agus ann ann spiorad na irisealachd, agus ann run na deagh thoil, gu’n riaraich sinn thu na’s durachaiche as so suas. CAIB. XII. Gur choir do’n Neach, a’ta gu Commanachd ghabhail e fein dheasacha’ fa-chomhair Chriosd le Dicheall ro mhor. Guth an Deisciobuil. IS mise gradhoir na gloineid, agus fear-toirt gach naomhachd. Tha mise ’g iarra’ cridhe glan, agus ann sin ata ionad mo thaimhse. Dean deas air mo shon sa, seomar mor ard-uimeichte, agus ni mi an chaisg cuid ruit, maille ri mo dheisciobuil se. Ma ’s aill leat gu tigin ugad, agus gu fanuin maille ruit; glan amach an sean labhuin, agus ionnla’ ionaid comhnui’ do chridhe. Druid amach as sin an saoghal uile, agus tuasaid nan nan uile olc, Suidh mar dhealbhain aonranach air mullach tigh, agus smuaineich air do chiontaibh ann searbhas d’anaimse. Oir ata gach gradhoir ag uimeacha’ an t sheomair is fearr agus is maiseiche airson a ghaolaich ionmhuin se; agus le so aithneichear gaol an ti a’ta gabhail asteach a dhream ionmhuin fein. Ach ghidhea’ bithea’ fios agad, nach urruin thu thu fein ullamhacha’ go leoir tre toiltineas gniomh sam bith leat fein; ghe gu bithea’ tu ’g a d’ uimeacha’ fein re bliana go iomlan, gan smuianeacha’ air ni sam bith eile. [TD 231] Ach ceaduichear dhuit tre mo ghras agus mo mhaitheas sa’ mhain, teachd gu mo bhord sa, amhuil mar gu bithea’ fear-sirea’ na deirc air a chuirea’ chum beidh tra-noain duine bearteich; aige nach ’eil ni sam bith eile re thoirt seachad airson a shochairean; ach amhain e fein ilseacha’ agus buidheachas thoirt dha. Dean na bheil ann do chomas sa, agus dean go dicheallach e, agus glac Crop do Thighearna is do Dhia gaolach sa, a’ta deonacha’ teachd a d’ ionnsui’ se; cha ’n ann o cleachd no eigean, ach maille ri gradh agus urram. Is mise an ti a ghairm thu agus a dh aithne sin bhith deanta, ni mi suas an ni a’ta dhioth ort, thig, agus gabh mise. An tra ’ta mise toirt dhuit gras na crabhachd, thoir buidheachas do do Dhia sa, cha’n ann, chion gur fiach thu sin, ach chion gu d’ rinn e trocair ort; mar ’eil sin agad, ach gu bheil thu’ ’g ad’ mhothacha’ fein na’s tocha tirm, seasamh re d’ urnuidh, bith ’g osnacha’ agus ag buala’, agus na leig dhiot gus an toill thu mir no braon eigin do ghras slainteil fhaotuin. Tha feam agad sa ormsa, ach cha’n ’eil feam agamsa ortsa: ni moa tha thu teachd gu mo naomhacha’ no gu mo dheanamh na’s fearr: Ach tha thu teachd chum gu naomhaichear thu troimse, agus gu ceanglar thu rium; chum gu faithea’ tu nua-ghras, agus gu lasa’ tu as ur gu leasacha’ beathai. Na dean dearmad air an ghras so, ach leis gach uile dicheall, deasaich do chridhe agus thoir asteach do ghaolach ugad fein. Cha’n e ’mhain gu bu choir dhuit thu fein uimeacha’ airson crabh roi commanachd, ach fos chum agus gu choimhidea’ tu thu fein, go curamach anna, thaireis an t sacramaid ghlaca’; oir tha cheart uraid do churam air iarra’ deidh laimh agus tha do dheasacha’ crabhach air a shirea’ roi laimh. Oir is e coimhead math ann deidh [TD 232] laimh, an deasacha’ is fearr aris chum an tuille grais fhaigheal. O so go deimhin fagar an duine go ro mhio-shuidheichte; ma ’se gu’n taomar air ball amach e chum solasan o’n leath-amuigh. Bheir an aire dhuit fein ma mhor bhruidhean, fan ann uaigneas, agus meall do Dhia sa: oir tha eisean agad, nach urra’ do’n t saoghal go lear thoirt uaite. Is mise an ti, d’am bu choir dhuit thu fein thoirt go iomlan ionnas agus gu bithea’ tu beo as so suas annamsa as eagmhais anchuram, is cha’n ann annad fein. CAIB. XIII. Gu ’m bu choir do’n Anam chrabhach bhith ag miannacha’ le uile Chridhe, bhith ceangailte re Criosd ’san t Sacramaid. Guth an Deisciobuil. Co bheir dhamh Thighearna! d fhaotuin leat fein, agus gu fosgailin dhuit mo chridhe go iomlan agus gu mealluin thu, mar is mian le m’anam, agus nach deana’ neach sam bith tair orm, agus nach sealla’, nach gluaisea’ ni sam bith cruthaichte mi, ach gu labhara’ tusa rium amhain, agus mise ruitse, mar is gnathach leis an ghaolach labhairt re ionmhuinse, agus mar charaid aig cuirm maille ri charaid se? Guidheam airson so, is mian leam so, gu ’n ceangalar mi ruit go iomlan agus gu tarruineam mo chridhe o gach nithe cruthaichte agus gu ’n ionsuichin tre commanachd naomh agus tre ra’ tric na Aorruin, an tuille blas ghabhail air na nitheibh neamhail. Och Thighearna Dhea! cuine bhitheas mise go iomlan naisgte maille ruit, agus sluigte suas annad, air dhamh mi fein dhio-chuimhneacha’ go [TD 233] lear? thusa annamsa agus mise annadsa, agus mar sin deonaich gu ’m mairrea’ sinne mar aon? Go deimhin is tu mo ghaolach fein, mo dhream thaoite se ameasg non miltean, anns am bheil lan toil m’ anaim fein, chum fois ghabhail re gach la d’ a bheatha sa. Is tu do rirea’ fear-deanai’ mo shio-chaintese, anns am bheil an ard shio-chainte agus am fois fhireanach: amach as am bheil saothair, agus bron agus aineis bi-bhuan. Is Dia foluichte thu do rirea’ agus ni ’m bheil do chomhairle maille ris na daoi, ach tha do chonaltrasa maille ris an dream iriseal agus neo-lochdach O cia blasta do spiorad sa Thighearna; a dheonaich, chum do mhilseachd thaisbeana’ do do mhacaibh, iadsan bheathacha’ le aran ro bhlasta teachd nuas o neamh! Go deimhin cha ’n ’eil tir sam bith eile go mor, aige ’m bheil an Dee se go tean orra, mar ata thusa ar Dhia sa lathair aige d’ uile chreidmheich se, d’ am bheil thu ’g a do thoirt fein seachad re ichea’, agus re mhealtuin airson an solas lathail agus togail suas an cridhe gu neamh. Co tir eile ’ta ann go cliutach ris an t sluagh chriosdui’? Na co creatoir ’ata ann fo neamh go gradhach ris an anam chrabhach, a dh ionnsui’ an tig Dia fein asteach, chum a bheathacha’ le Fheoil ghlor-mhor fein? O an gras do-labhairte! O an deonacha’ iongantach! O an gradh anabarrach air thoirt go sonruichte do ’n duine! Ciod e bheir mise do ’n Thighearna airson an ghras so, agus airson gradh go neo-ghnathaichte? Cha ’n ’eil ni ann, is urra’ mi thoirt dha, no thoileicheas e na’s fearr, na ma bheir mi suas mo chridhe go iomlan do Dhia, agus a nasga’ go tean ris. Agus ann sin bithi’ luaghairdeachas mor air gach ni ann taobh-stigh dhim, an uair bhitheas m’ anam go iomlan ceangailte ri Dia: [TD 234] ann sin their e rium, ma bhitheas tu maille rium, bithi’ mise maille ruit; agus bheir mise freagar dha: deonaich o Thighearna! fantuin maille rium agus bithi’ mise go toileach maille ruitse, ’se so mo lan togar, gu bithea’ mo chridhe se ceangailte ruitse. CAIB. XIV. Air Togar lasarach corr Mhuintir chrabhach chum Corp Chriosd ghabhail. Guth an Deisciobuil. O Cia mor pailteas do mhilse Thighearna a dfholuich thu do d’ luchd-eagail fein! An tra ata mi cuimhneacha’ air corr shluagh crabhach, a’ta teachd chum do shacramaid se le crabh ro mhor agus gaol, ata mi go minic fo bhreisleach agus air mo naracha’ annam fein, gu bheil mi dluthacha’ go meo-bhla agus go fuar gu d’ Altair se, agus gu bord an chommanachd naomh: gu bheil mi sin ag fantuin go tirm agus as eagmhais gradh cridhe; nach ’eil mi go iomlan air mo losga’ ann do lathairse mo Dhia; no air mo tharruinea’, agus air mo mothacha’ go durachdach, mar bha ioma neach crabhach, nach b’ urruin iad fein chumail o dheuraibh, tre ’n dian thogar gu commanachd, agus gradh mothachail ’n an cridheachaibhse. Ach bha siad le ’n uile anamaibh an deigh ortsa Dhea am beo thobar, araon le beul, cridhe agus cuirp, gan bhith comasach air an tart agus an ocras sa thraogha’ no shasacha’, ann achd air bith eile, ach tre glaca’ do Chuirpse maille re gairdeachas agus gean spioradalta. O! ’se teth chreideamh fhireanach na muintir sin, dearbh taicheil do lathaireachd naomh sa. Oir is aithne dhoibhse do rirea’ an Tighearna sa ann brisea’ an arain, [TD 235] aige am bheil an cridhe se losga’ annta go laidir, o Iosa! ag imeacha’ maille riu. Is fada go tric ata leathaid so ghradh agus chrabh, gaol agus teas go mor uam. Dean iochd rium o Iosa mhaith, bhlasta agus ro ghrasmhor! agus deonaich do d’ fhear-deirc bochd, beagan do ghaol neartor do ghraidh se mhothacha’ air uairean, anns an commanachd naomh, chum agus gu neartuichear ann tuille mo chreideamh, gu meaduichear mo dhochas ann do mhaitheas sa; agus chum agus nach caithea’ an gradh as go brach, air dha aon uair, bhith air lasa’ suas go foirfe, agus air blasta dha am manna neamhail. Ach tha do throcair lan comasach, air an ghras, eadhon is mian leam thoirt dhamh, agus air m’ fhiosracha’ sa go iochd-mhor ann spiorad na durachdachd, an uair thig an la sin is taitneach leat. Agus ghe, nach ’eil mis’ ag lasa’ san uair so le togar go mor, agus a’ta accasan aige am bheil an crabh sonruichte dhuitse; ghidhea’, tre do ghras is mian leam an togar ceudna air a lasa, bhith agam; ata mi miannacha’ agus ag guidhea’ gu deantar mise mo chophairteich maille riusan uile do luchd-graidh durachdach sa, agus gu bithin air m’ aireama’ ’n an cuideachd naomh sa. CAIB. XV. Gu bheil Gras na Crabhachd air fhaigheal tre Irisealachd agus Fein-aicheuinea’. Guth an Deisciobuil. IS coir dhuit gan lassach, gras na crabhachd shirea’, agus iarra’ go durachdach agus duil bhith agad ris le foighidin agus earbs, a ghabhail go taingealach, a chleatha’ go iriseal agus co-obair dheanamh leis go dich- [TD 236] eallach, agus aimsir agus modh an fhiosrachai’ neamhail earbsa’ re Dia; gus an toileich e teachd ugadsa. Bu choir dhuit go arai’ thu fein ilseacha’, an uair nach ’eil thu mothacha’, ach beag no neo-ni do chrabhachd o’n leath-asteach; ach na bith air do thiligea’ sios tuille is fada, no fo bhron mi-riaghailteach. Tha Dia toirt seachad ann aon tamul beag, an ni dhiult e re aimsir fhada; agus air uaireibh tha e toirt seachad anns an chrioch an ni nach do dheonaich e ann toiseachd na urnuidh. Na tugar do ghna gras seachad go grad, agus na bithea’ se lathair reir na h aill: cha bhithea’ se so-ghiulainte do anmhunachd an duine. Air an abhar sin, is eigin featha’ air gras na crabhachd ann dochas math agus le foighidin iriseal. Ach ghidhea’, cuir as do leath fein e agus as leath do pheacaibhse, an uair nach toirear dhuit e, na fos an uair bheirear go uaigneach uaite e. Is beag an ni corr uairean, a bhachas no dfholuicheas an gras so uainne; ma’s choir sin bhith gairmte beag na’s tocha na mor a’ta baca’ math go mor, ach ma dh arraicheas tu so fein, agus ma bheir thu go iomlan buaidhe air, air dha bhith beag no mor, bithi’ do runsa agad a dh iarr thu. Oir cia luath agus is urruin thu thu fein liubharra’ suas do Dhia, le d’ uile chridhese ionnas agus nach iarr thu so na sud chum do thoil-inntin fein, no mar is aill leat; ach bhith ’g a do shuidheacha’ fein annsan go lear, gheabh thu thu fein ceangailte risean ann sioth; chion nach bith neo-ni na’s blasta, no na’s taitneiche dhuit mar bhitheas gean-math na toil dhiadhai’ dhuit. Air an abhar sin, co sam bith neach a thogas suas a run sa gu Dia le cridhe neo-lochdach agus a ghlanas e fein o gach gradh ain-cneasta agus o antlachd [TD 237] gach aon ni cruthaichte; bithi’ eisean mar an ti is iomchui’, chum an gras ghlaca’, agus mar an ti is fiuntaiche air tiolaca’ na crabhachd. Oir ata Tighearna toirt a beannachd sa annsin, far am faith se na saothaichean falamh. Agus mar is moa threagas neach na nithe sin bhos, agus mar is moa bhasaicheas e dha fein tre tair dha fein, mar is graide thig an gras, mar is pailte theid e steach, agus thogas e na’s airde an cridhe saor. Ann sin chi se agus bithi’ se ann pailteas, agus bithi’ iongantas air, agus meaduichear a chridhe anna fein; chion gn bheil lamh an Tighearna maille ris, agus gu’n chuir e e fein go lear ’n a lamhaibh se re saoghal nan saoghal. Feuch! air an achd so beannaichear an duine, a’ta ’g iarra’ Dhea ’na uile chridhe se, agus nach do ghlac anamsa ann diamhaoin. Tha leathaid so neach ann glaca’ na Eucharaisd naomh ag faighail mor ghrais an nasgai’ dhiadhai; chion nach ’eil e sealtuin air a chrabh agus air a sholas arai’ fein, ach gu bheil e beachda’ oscion gach uile crabh agus solas; air onoir agus gloir Dhea. CAIB. XVI. Gur choir dhuinne arn Eigeanan sa fhosgala’ do Chriosd, agus a Ghras sa iarra.’ Guth an Deisciobuil. O THIGHEARNA ro bhlasta agus gaolach! a ’s mian leam nois do ghlaca’, go crabhach; is aithne dhuit mo laigse, agus an eigean a’ta mi fulana’, agus cia mor na uilc agus na ciontan, anns am bheil mise mo laithea’, cia minic ata mi air m’ antromacha’, air mo bhuairea’, air mo chuirea’ fo thriobloid, agus air [TD 238] mo shalacha’: d’ ionnsui’ se ’ta mi teachd airson leigheas; agus guidheam solas agus comhna’ ort. Labharam ris an ti d’ an aithne gach uile ni, d’ am bheil gach uile nithe ann taobh-tigh dhimse lan folluiseach, agus ris an ti amhain a’ta comasach air solas agus cuideachd thoirt dhamh, ata fios agad sa air na nitheibh maith, ata thuille dhioth orm, agus air cia bochd ata mise ann subhailceibh. Feuch! ata mise na mo sheasamh ann do lathairse go bochd agus lom-nochd ag sirea’ do ghras agus ag iarra’ do throcair se. Beathaich d’ fhear-deirc bochd sa: las suas m’ fhuarachd sa le teine do ghraidhse; soilleireich mo dhoille se le dealra do lathaireachd fein. Tionda’ gach uile ni antrom agus crosanta chum foighidin, gach uile ni bhos agus cruthaichte chum tair agus dio-chuimne. Tog mo cridhe suas ugad fein air neamh, agus na leig dhamh dol air seacharan-cuairt so air thalamh. Bithea’ thusa amhain mileis dhamh as so suas, agus go brach, do bhri gur tusa ’mhain mo bhiadh agus mo dheoch, mo gradh agus m’ aoibhneas, mo mhilseachd, agus m’ uile math sa. Och! nach lasa’, nach loisgea’ agus nach cru-chaochla’ tu mi annad fein le do lathaireachd se, chum gu’n deantar mi tre gras cheangail o’n leath-asteach, agus tre leagha’ ghraidh theasmhoir, mar aon spiorad maille ruit. Na leig mise air falbh uaite air ocras agus tirm; ach buin rium ann do throcair, mar bhuin thu go minic agus le iongantas ri do Naoimhse: Ciod an t iongantas, ma chuirear mi go iomlan air theine leatsa, agus gu basaichin dhamh fein? O’n is tusa do ghna teine losgach, agus nach caith am feasd; an gradh ag glana’ na cridheachan, agus ag solleireacha’ na tuigse. [TD 239] CAIB. XVII. Air Gradh durachdach agus air Togar ro mhor gu Criosd ghlaca’. Guth an Deisciobuil. LEIS an chrabh is moa, agus le gradh losgach, le durachd uile, agus togar mo chridhe, is mian leam do ghlaca’ sa o Thighearna! mar mhiannaich moran Naoimh, agus muintir chrabhach eile thu, an uair ghabh iad commanachd, a bha ro thaitneach dhuit se ann naomhachd beathai, agus ro theasmhor ann crabh. O mo Dhia, an gradh siorrui, am math iomlan, an sonas gan crioch! bu mian leam do ghlaca’ leis an togar bu dian agus an t urram bu toiltineach a bha riamh aige, na b’ urruin aon do na Naoimh mhothaca’. Agus ghe, nach fiu mise, air na mothachan sin uile na crabhachd bhith agam: ghidhea’ bheiream suas dhuit speis iomlan mo chridhe mar gu bithea’ na m’ aonar agam na togara losgach agus ro thaitneach sin uile: seadh, agus ciod sam bith is urruin an inntin dhiadhai, ghabhail no mhiannacha’, bheiream agus tairgeam so uile dhuit leis an urram is airde agus an gaol is fhaide steach. Ni togar leam neo-ni choimhead agam fein; ach tha mi toirt suas dhuit go saor toileach mar iobairt, mi fein agus na bheil agam. O Thighearna mo Dhia, mo Chruthadoir, agus m’ fhear-saorai’! is maith leam do ghabhail air an la diu, leis an ghradh cheudna, urram molla’ agus onoir, leis an taingealas cheudna, fiuntas agus gaol, leis an chreideamh cheudna dochas agus gloinead, leis an do mhiannaich agus do ghabh Muire ’n Oigh ghlormhor do Mhathair ro naomh fein se thu, an uair fhreagair i go iriseal crabhach an t Aingeal, a dh innis [TD 240] di run-diamhair na Feoil-ghabhalachd. Feuch ban-oglaoch an Tighearna, bith dhamh sa reir d’ fhocuil se. Agus mar do Roi-theachdoir an ti’s ro mhath am measg nan Naomha, Eoin Baisde, a leim le gairdeachas an Spioraid Naoimh ann do lathair, an tra bha e fosd duinte suas ann brion a Mhathairse; agus ’g a ilseacha’ fein ro mhor ann deidh laimh, air faicin dha Iosa ’g imeacha’ measg nan daoine; dubhairt se le gaol crabhach: ’Ta caraid an fhir-nua-phosda na sheasamh agus ag eisdeachd ris, ata se deanamh gairdeachais le aoibhneas mor airson guth an fhir-nua-phosda; amhuil sin mar an ceudna, is maith leam sa bhith air mo lasa’ suas le togaraibh mor agus naomha agus mi fein chuirea’ ann d’ fhianuis se, le m’ uile chridhe se. Air an abhar sin, cuirim ann do lathair ann so, agus tairgeam suas dhuit aoibhneasan anabarrach nan cridheachan crabhach uile, an gaoil losgach sa an anabarra-inntineach agus an soilleireichean sa os an airde, an sealtuinean neamhail sa maille ris gach uile subhailce, agus molla’ a’ta, no bhitheas air an cliuthacha’ leis gach uile creatoir air neamh agus air thalamh; air mo shon fein, agus gach uile ata air an earbsa’ re ’m urnuidh; chum agus gu bithea’ tu air do mholla’ agus air do ghloracha’ leis gach uile duile. Gabh mo runa sa o Thighearna mo Dhia sa! agus mo thogara sa thaobh molla’ anabarrach agus beannachd do-thomhaiste a’ta le ceartas dligheach dhuit reir lionmhorachd do mhoralas do-labhairte se. Bheiream iadso dhuit agus is mian leam an toirt air feadh gach uile la agus tiota nan aimsir; agus, chum molla’, agus buidheachas thoirt dhuit maille rium le ’n urnuidheibh, agus an uile ghaol sa; guidheam agus gairmeam chum [TD 241] so, na Spioradan neamhail uile agus na fireanaich go iomlan. Molla’ gach sluagh, gach clann agus gach teanga thu, agus arduichea’ iad d’ ainm mileis agus naomh, leis an ghraonachas is airde agus leis an chrabh is diana. Agus leig do gach uile neach a’ta molla’ d’ shacramaid se go urramach crabhach, a ghabhail le lan creideimh, agus faithea’ iad gras agus trocair agad, agus guidhea’ iad go iriseal air mo shon a’ta mo chreatoir peaccach. Agus an uair gheabh iad an crabh togarach, agus an coi-cheangal aoibhneach so; agus dh imeicheas iad o do bhord naomh neamhail se, air an cofurtacha’ go maith, agus air an beathacha’ go iongantach: deonaichea’ iadsan bhith ag cuimhneacha’ air m’ anam trua’ sa. CAIB. XVIII. Ni bu choir do’n Duine bhith na Ransuicheor mian-sheallach ’san t Sacramaid, ach mar Fhear-leanmhuin iriseal Chriosd ag toirt a Thuigse fo Smachd do Chreideamh naomh. Guth an Deisciobuil. IS eigin dhuit an aire thoirt air ceusnacha’ aireoch, agus neo-tharbhach asteach ’san t sacramaid ro dhoimhean so, ma’s aill leat gan bhith air do shluga’ suas ann doimhneachd an amharais. An ti a’ta na ransaicheor air moralachd, antromaichear e le gloir. Tha Dia comasach air tuille obair dheanamh na ’s urruin an duine thuigsin. Tha ’m feoruchas crabhach agus iriseal air deidh na firinn, so-ghiulainte, deas air bhith teagaisgte, do ghna ag foluma’ bhith ’g imeacha’ tre teagasg fhullain nan Athracha. [TD 242] Is beannaichte an t ionracas sin a’ta fagail slighe doirbh nan ceisdean, agus a’ta trialla’ air rod rei’ cinteach aitheantan Dhea. Is lionor iad a chaill an crabh, an tra b’aill leo ard nithe ransacha’ ’mach. ’Si chreideamh agus am bheatha neo-lochdach a’ta air iarra’ uaite, agus cha ’n e airde na tuigse no sirea’ doimhean run-diamhaireachd Dea. Mar tuig, agus mar leir leat na nithe, a’ta fothadsa: cionnas thuigeas tu na nithe, a’ta os do chean? Cuir thu fein fo gheill do Dhia, agus ilseich do thuigse chum creideimh agus bheirear sollus na tuigse dhuit, co fad agus bhitheas sin tarbhach agus feamail dhuit. Tha cuid arai’ do dhaoine air am buairea’ go trom thaobh na creideimh agus an t sacramaid. Ach cha’n ’eil so re chuirea’ as an leath sa, ach na’s tocha as leath an namhaid. Na bithea’ curam ort, na bith re consboid maille re do smuainteibh fein, na toir freagar do na amharasaibh a’ta ’n Deamhain ag togail annad: ach creid focuil Dea, creid a Naoimhse agus Fhaidhean sa, agus teichi’ an namhaid aingi’ uaite. Go tric, is mor an tairbhe th’ ann, gu fulainea’ seirbheasaich Dhea an leathaidin sin. Oir cha’n ’eil an Diabhol ag buairea’ na mi-chreidmheich agus na peaccaich a’ta cheana go tearuinte aige; ach tha e buairea’ na fireana, an dream chrabhach agus ag cuirea’ dragh orra air ioma achd. Air an abhar sin, imeich air d’ adhairt le creideamh ionruic gan teagamh sam bith, agus dluthaich ionnsui’ an t sacramaid le urram iriseal. Agus ciod sam bith nach urruin thu thuigsin, earb e go tearuinte ris an Dia uile chumhachdach; cha mheall Dia thu, ach meallar an ti a chuireas earbs mor anna fein. Tha Dia ’g imeacha’ maille ris an neo-lochdach, agus ’g a thaisbeana’ fein [TD 243] do’n iriseal, ag toirt tuigse do na aondaibh beaga; ag fosgala’ dorsa na tuigse do na inntineibh glana, agus ag follacha’ an ghrais air an dream aireoch agus uaibhreach. Tha reasun an duine, lag, agus feudae’ e bhith air a mhealla’, ach cha’n urruin an fhior chreideamh bhith mealta. Is coir do gach uile reasun agus lorgaireachd, an chreideamh leantuin, agus cha’ n e dol roipe no dol na aghaise. Oir ann so, tha lamh-an-uachdar aige creideamh agus gradh, agus tha iad ag oibreacha’ air doigheibh folluichte anns an t sacramaid ro naomh is ro ard so. An Dia, a’ta siorrui’ agus do-thuigsineach agus uile-chumhachdach ann an comas, a’ta se deanamh nithe mor agus do-ransaichte araon air neamh agus air thalamh: agus ni bheil ransacha’ ann re dheanamh amach air oibre’ iongantach sa. Na bithea’ oibre’ Dhea mar sin, agus gu feudar an tuigsin go furasda le reasun an duine; cha b’ urruin iad bhith, air an gairmea’ iongantach no do-labhairte. AN CHRIOCH. [TD 244] MEARRACHDAN AN CLO-BHUALAI’. Taobh Line Leabh. 8 21 saothair tharruin 10 4 naire 42 28 Aithne 46 5 Ann 46 26 Stigh 48 4 Thu 51 14 Stigh 53 32 Deimhin 61 1 Sgoine 62 17 . 86 3 Lathair 103 5 Cath 114 21 Cluintin 114 25 Dhearbhar 120 8 Uile 125 23 Comhnui’ 133 7 Teangan 145 13 Teachd 148 23 Dhoibh 150 25 Do 158 7 Uile 181 27 Gabhail 184 1 Tanaig 185 8 Sgriosa’ 191 24 Comfurtuichea’ 193 4 Na ain-reite 220 12 Gach 237 23 Coir.