[DA 1] EISEMPLEIR SHOILLEIR CEASNNUIGHE AIR LEABHAR AITH-GHEAR NAN CEIST, CHUM FOGHLUM A THABHAIRT DO ’N DREAM ATA OG, AGUS AIN-EOLACH. LEIS AN URRAMACH MR EOIN WILLISON, MINISTEIR AN T SOISGEUL ANN DUINDEA. Eidear-theanguichte gu GAIDHLIC ALBANNACH, Air son leas coitcheann TEAGHLUICHIBH AGUS SCOILIBH. LE R. MAC PHARLAIN. Cum gu daingean samhla firinneach nam briathra fallain, 2 TIM. 1. 13. AN DARA CLODH BHUALADH. DUNEADAIN: Clo’-bhuailt’ air son an EIDER-THEANGAIR, agus r’ an reic leisin, agus le YOUNG agus IMRIE, an Inner-nies; agus A. ORR an Glas-cho. 1799. [DA 2] [Blank] [DA 3] A LEUGHAIR SHUAIRCE. ’N UAIR a smuaintighis sinn, air ro mheud nan sochaire Spioradail, agus Aimseriel ata sinn a’ mealtain, thar a chuid as mò do ’n t saoghal; agus air nach robh an t eòlas bu lugha aig’ ar sinnsir fein, ann ’s na linnibh chuaidh seachad: ’N uair a bha iad a’ cromadh sios, agus re aoradh do chlochaibh, ’s do chrannaibh, do obair an lamhan fein, gun d’ eirigh grian na firinn le slaint fuidh a sgiatha oirne; gu ’m bheil na sgriobtuir naomh a’ measg ar lamh o aois ar ’n òige, ann ’s am bheil cunntas soilleir aguinn air gach ni is coir dhuinn’ a chreidsin, agus air gach dleasdanas ata fiaghaight’ oirn ’a a dheanamh: Mar eisempleir, tha ’m Biobul a leigeil ris dhuinn, urrad eòlais air Bith, Buaidhibh, agus oibridh De, ’s a’ ta freagrach d’ ar nadur criochnaighte. Cionnas a Chruthaich Dia an duine do reir Jomhaidh fein, comasach air eòlas a ghabhail air, Gloir, Gradh, Umhlachd a thabhairt dha, agus a mhealtain mar ard shonas. Cionnas a thuit an duine o’n staid bheannuighte sin, maille r’a shliochd gu leir; An sgrios, agus an doghruin a tharruing e air fein, o nach robh e na chomas, no ’n comas creatuir sam bith eile a theasairgin. Cionnas a ghabh Dia truaghas deth, ’s a rinn e tròcair air, le aon mhac a ghraidh a chuir a dh’ ionsuidh ’n t saoghail, chum ’s gum bithidh na h uile air an saoradh, a chreideamh ann, agus a ghabhadh ris. Cionnas a sheas e, mar cheann coi’ cheangail ’n ar ’n àite ne, agus air ar son; mar thug e umhlachd iomlan do’n lagh a bhris sinne, agus lan dioladh do’n-cheartas air an d’ rinn sinn eacoir. Cionnas a dh’-fhuiling e airson ar cionta, sa dh’ eirigh e ris chum ar fireanacha’: Mar chuaidh e suas air ionad ard, a’ toirt bruid am braighdeanas. Mar chuir e’ nuas an Spiorad naomh, chum Iomhaidh Dhe aifig a ris air anam an duine, chum a thabhairt o dhorchadas gu solus, agus o chumhachd shatain, a dh’ ionnsuidh Dhe. Mar chuir e mach luchd teagaisg eagsamhail, chum an saoghal a reiteacha re Dia, &c. Is i barrail mòrain, gu robh dream airidh san Eaglais sna ceud linnibh, d’ am bu dreachd bhi ceasnugha, eidear-dhealuighte o’n dream a dh’ orduighe a shearmonacha an fhocail, ach ciòd air bith mar tha so, tha e soilleir, gu do mheas daoine glic, foghluimte, agus fior-dhiadhaidh, ann ’s gach linn mar ni priemh- [DA 4] [DA 2 san leabhar fhèin] fheumail, saothair a ghabhail air an dream a bha òg, agus ain-eolach air doigh ceasnuighe, mar mheadhoin ro iomchuidh, chum eòlas a cho’ pairteacha riu, agus le so, an deasugha’ chum feitheamh air eisteachd ri searmonacha’ an fhocal, le tuille tuigse agus tlachd. Tha cunntas coi’ liont’ aguinn, gu robh gach Eaglais a b’ airidh air ainm Eaglais aith-leasaichte, a gnathacha’ foirm no samhlugh briathra fallain air doigh ceasnuighe, mar a mheadhoin a b’ fhearr chum righeachd air eòlas slainteil—dh’ fheadain iomad leabhar ceasnughe ainmeacha’ a dhealbhadh chum na criche so: Ach tha mi meas, gur leoir dhomh, labhairt air leabhar aith-ghear nan ceist, a chuireadh air chois le Coi’thional nan Diaidh aire aig an ’N iar mhinister an Sasgan, leis an d’ aontaigh Ard sheanadh Eaglais na H alba, ni, tha a luchd teagasg a’ gnathachadh ann bhi ceasnugha an luchd eisteachd o am, gu h am, agus tha sluagh coitcheann na Rioghachd so, nis tiomadh air cinn airid a Chreideamh, na moran eile, air nach ’eil an t saothair cheadna ga gabhail. Nochd na h Eaglaise aithleasighte uile mor mheas do ’n leabhran so; dh’ eider-theangaich’ iad chum an cainnt fein e, agus bha cuid ga ghnathacha mar sheol ceasnuighe. Shaothrich Ministere ainmeil air mineachain air, a chur an Chlar, d’ an d fhuair moran tairbh agus buantachd d’ an Anamaibh, Dh’-eidear-theangach mi aon ro-oirdheirc dhiubh sin chum gaidhlig, Leis an Urramach Mr J. Willison. An diaidh chur fuidh sgrudadh cuid do’n. Chleir Ghaidhleach,—mheas iad gu’m feadadh e le beannacha Dhe, bhi co’ stach, chum eòlas agus deadh-bheus, a mheudacha ’measg nan Gaidheil. Mar sin chuir mi an leabhar so ’n Clar san bhliadhna 1773 le congnadh a Chomuinn Onoraich agus Urramaich ann Duneadain, tha chum Eòlas Criostaidh a chraobh-sgaoileadh feadh na Gaidhealtachd, gabh moran gu taitnich ris san am sin, & tha dochas agum, nach robh mo shaothair uile cailte, ach do bhri’ gu bheil a fas gann, do fhaotain, agus moran ag iarruidh na dheidh, chur mi romham le congnadh a chomuinn Onoirich agus Urramaich cheadna a’ chur ath-bhuailt’ an Clar, agus ’s e mo guidhe durachdach, gu fuigh na h uile a leughas le curam e, mòr thairbh, agus toilinntin d’an Anamaibh. R. M. DUN-EADAIN, 20. Aug. 1799. [TD 1] EISEMPLEIR SHOILLER CEASNUIGHE AIR Leabhar Aithghearr nan Ceist, chum foghlum a thabhairt do’n dream ata og, agus ain eolach. Ceist. I. CREUD is crioch araid do’n duine? Freagradh. Is crioch araid do ’n duine, Dia a ghlorachadh, agus a’mhealtain gu suthain. C. Creud ata thu ag tuigsin mu chrioch araid duine? F. A ni sonruighte bu choir do dhuine chur roimhe, agus a bhi na rùn thaobh a ghluasachd ann san t’saoghal, agus air am bi se ’g amharc mar a chrioch mhòr m’an do chruthaighe è. C. Ciod í a chrioch mhòr agus araid sin? F. Ann san fhreagradh a ta i air a sgaoileadh amach gu da phairt; à chrioch as ro airde bhi toirt gloir do Dhia, agus an dara crioch bhi ga mhealtain-sin gu suthain. C. Am fead duine ni air bith a chur re gloir nadurra Dhe? F. Cha’n fhead; oir mar ata sin neò-chriochnach, cha ’n fheadar ni air bith a chur ria. C. Cionnas ma ’ta a dh’ fheadas sinne Dia a ghloracha? F. Le bhi ag taisbean amach a ghloirsin ann am fia’nais an t saoghail. C. Cionnas a dh’ fheadar linn sin a dheanamh? F. Le bhi ag aid, eachadh buaidhibh Dhe, le [TD 2] bhi toirt urram dh’a agus ag earbsa ris; bi toirt buidheachais dh’a le’r billibh, agus ag riaghluchadh ar caithe beatha do reir fhocail sin, Sal. 50. 23. C. Cionnas ata sin a’ toirt gloir do Dhia le bhi ’g aidmheil ar peacaidh mar ta e ann, Josh. 7. 19. F. Do bhri’ le bhi deanadh so, gu bheil sinn ag aidmheil gu bheil Dia neo’-chriochnach ann eolas agus nach feadar diomhaireachd air bith fholach uaithe, agus mar an ceadna ann an ceartas ge do thionsgain è r ’ar cronachadh air son ar peacaidh-ne. C. C’ ar son bu choir dhuinn gloir Dhe bhi mar chrioch araid aguinn? F. Do bhri’ gu bheil sinn fuidh iomad comain ro mhor do Dhia, oir ’s eisean ar cruthai’-fhear uile chumhachdach, ar fear coimhead gràsmhòr, agus ar fear saoruidh trocaireach. C. C’ uin’ a bhios sinn ag ith agus ag ol chum gloir Dhe mar ’ta ’n t abstol ag seoladh, 1 Cor. 10. 31.? F. ’N uair a bhitheas sin ag deanamh so ann umhlachd do àithne Dhe, chum ar beatha agus ar slainte a choimhid, air chor as gu ’m bi sinn comasach air onoir agus seirbheis a thabhairt do Dhia air thalamh. C. Nach fead creatuirean eile gloir Dhe a thaisbean co mhaith ris an duine? F. Feadaidh, ’ta na neamhaidh ga dheanamh, Sal. 19. 1. Mar ataid a nochdadh gloir a ghliocais, agus a chumhachd air doigh fhulangach, leis na nithe ’ta ra ’m faicsin ionnta; ach cha ’n fheadar Dia a ghloruchà air mhodh deanadach ach le creatuiribh reasonta. C. Am bheil gach aon duine ag deanamh an crioch araid do bhi toirt gloir do Dhia? F. Cha ’n ’eil; oir ata mòran daoin’ an aite bhi toirt gloir do Dhia, gu truadh ag toirt eas-onoir dh’a. [TD 3] C. Co iad sin? F. Iad-san ata diò-chuimhneachadh Dhe, no easumhal d’a lagh-san. C. Co iad ata ag dio’-chuimhneachadh Dhe? F. Iadsan nach ’eil a’ deanamh urnaigh re Dia, no à toirt buidheachaìs dh’ a air son a thiodhlacaibh, agus an dream ata fuar-chrabhach na adhradh, agus nach ’eil a’ cuimhneach fhocail sin. C. Ciod a thig riusan nach cuimhneich Dia? F. Ata è air a radh gu pillfear gu h ifrionn iad,. Sal. 9. 17. C. Ann d’ rinn Dia gach aon ni chum a ghloir fein? F Rinn. C. Mar dean daoine an crioch araid dheth so, an caill Dia a chrioch a bh’ aige nan deanamh? F. Cha chaill, oir mar bi Dia air a ghlorachadh leòsan, gabhaidh é gloir dh’ a fein orra, eadhon, bithidh a cheartas air a ghlorachadh ann nan sgriosadh. C Nach ’ eil è laghail do dhaoine criocha as isleadh na gloir Dhe a chur rom’ pa, mar ata duine bhi dicheallach na eallain, chum na criche so gún deanadh e deasucha’ air a shon fein agus air son a theaghluich? F. Ata, ach ’s eigin dhuinn’ na criochaibh sin as isleadh a chur romhain an geill do chrich araid an duine, eadhon gloir Dhe. C. Nach ’eil sinn a meadacha ar sonais fein le bhi ag deanamh ar crioch araid do ghloir Dhe? F. Ata, agus uime sin, ata bhi toirt gloir do Dhia, agus bhi ’ga mhealtain gu suthain air an ceangal r’a cheile ann fan fhreagra. C. An eigin dhuinn dicheal a dheanamh alr Dia a ghlóruchadh air talamh; mu b’ aill leinn a mhealtuin air neamh? F. ’S eigin. C. Am bheil sinne comasach dh’inn fein air Dia a ghloruchá? F. Cha ’n ’eil dh’ fhag an ceud seachran neo-chomasach sinn’; ach trid Chriost agus a ghrais- [TD 4] sin, feadaidh sinn bhi air ar neartuchadh ann cail eigin chum so a dheanamh. C. Creud e’ bhi ag mealtain Dhe? F. Bhi ag sealbhachadh gràdh agus deagh ghean De, no bhi air ar beannughadh le a latharachd ghràsmhòr-sin. C. Am bheil fior shonnas an duine a’ co’-sheasamh an so? F. Ata. C. Nach fead duine Dia a mhealtain mar so air thalamh? F. Feadaidh; ata latharachd ghràsmhòr an Tighearna ann an cail eigin aig na naoimh air thalamh ann a orduighean fein, ach mealaidh iad è air doigh eile air neamh. C. Ciod an t eider-dhealuch’ ata eidear an doigh air am bheil sinn ag mealtain Dhe air thalamh, agus an doidh sin air an sealbhaich sinn é air neamh? F. Ata an co’-chomunn ata aguinn re Dia air thalamh ro ghaoirid agus neo’-iomlan; ach air neamh bithidh è bioth-bhuan, iomlan, agus neo’-mheadhonach, ’san ann fin a chi na naoimh è mar ata é, “Agus bithidh iad cosmhuil ris an Tighearna, agus gu brath maille ris”, 1 Eoin 3. 2. 1 Thess. 4. 17. C. C’ ar son ata ar ’n ard shonnas ag co-sheasamh ann Dia a mhealtain? F. Do bhri’ gur h è Dia à maith a’s mò, agus gu bheil é néo-chriochnach ann ’s gach buaidh ghlormhòr, ’s eisean amhain a shasuigheas tograibh neo’-laithilteach an anama neo’-bhàsmhor: ’s eisean an cuibh-roinn ata freagrach do ’n nadurra ata spioradail agus buan mhairtheanach, Sal. 73. 26. C. Cionnas a rigeas sinne air Dia a mhealtain? F. ’S eigin dhuinne gabhail re Criost an t eidir mheadhoinear, beatha a creidimh a bhi aguinn, agus sinn fein aich-sheun, dicheall a dheanamh air ar cridhe agus ar beatha a bhi fior-ghlan, agus bhi gu tric a’ gnathacha’ urnaigh agus buidheachais. [TD 5] C. Creud i a chrioch araid ata daoin’aingidh a cur rompa? F. Bhi ag sasuchad’h an ain-miannaibh seolmhòr, agus bhi mealtain na nithe as fearr’ ata ’n saoghal ag freasdal. C. Am fead na nithe maith saoghalt’ a bhitheas-sin a’ mealtain ar deanamh sona? F. Cha ’n fhead; oir, mar nach ’eil iad freagrach do iartas an anama, mar an ceadna, ata iad ro ghaoirid agus neo’-chinnteach a thoirt toil inntin iomlan seachad. C. Am fead droch dhaoine duil a bhi aca re Dia a mhealtain san aith bheatha? F. Cha ’n fhead; oir ’s eigin dhoibh-sin a mhealas Dia na dhiaidh so, bhi air an deasucha fa chomhair an san t saoghal so. C. Co iad an dream ata iomchuidh air Dia a mhealtain? F. Iadsan a ta air an naomhachadh. C. Ciod a thig riusan ata teachd gaoirid air Dia a mhealtain air neamh? F. Bithidh an cuibh-roinn ann ifrinn maille re cealgoiribh agus neo’-chreidmhich. C. C’ uin’ bu choir do dhuine tóiseach’ air smuainteach’ gu durachdach air a chrich araid? F. Ann an laith oige, Eccl. 12. 1. C. Nach fead sinn dáil a chuir ann gu am iomchuidh ann diaidh laimh? F. Cha ’n fhead, oir cha ’n ’eil am air bith co iomchuidh; agus feadaidh an t am a bhios sinne cur romhain gun teachd gu brath, do bhri’ gu’ m bheil am bàs a’ teachd air mòran gu h obain, Luc. 12. 29. C. C’ uin’ a dh’ fheadas sinn crioch a chuir air bhi toirt gloir do Dhia? F. Cha ’n fhead am feast. C. A measar sin gu brath mar leatrom? F. Cha mheasar, oir ’s e tlachd gach anama [TD 6] ghrasail bhi deanamh toil De, agus uime sin, deirir mu ’n ionad as mò sonas, “Ann sin bheir a shearbhanta seirbhis dh a’,” Sal. 40. 8. Tais. 22. 2. Ceist: II. Creud an riaghailt a thug Dia dhuinne d’ ar teagasg chum ’s gu feadamaid eisean a ghlórucha’ agus a mealtain? F. Is e focal Dhe ata air a chur sios ann an sgriobtuir an t Sein Tiomna agus an Tiomna Nuadh, amhain is rioghail dhuinne d’ ar teagasg chum ’s gu feadamaid eisean a ghlorucha’ agus a mhealtain. C. Cionnas ata cheist so air a ceangal ris a cheist ata air thoiseach orra? F. Mar ata cheud cheist a nochda crioch ar cruthachaidh, ata cheist so ag comhar’ thach’ na riaghail no mheàdhon leis an rig sinn air a chrich sin, eadhon na sgriobtuire. C. C’ ar son a deir sinn sgriobtuir re focal De? F. A deir finn sgriobtuir no sgriobha ro ainmeil re focal De; do bhri’ gur h iad na sgriobtuiribh an sgriobha as fearr agus as mò feum ata san t saoghal. C. C’ ar son a deirir focal De ris na sgriobhaidh sin. F. Do bhri’ gun do labhair Dia fein iad, no gu’n d’ thug é àithne do dhaoinibh an sgriobhadh. C. Nach deirir am focal re Criost mar an ceadna? F. Deirir; ach se Criost focal nadurra Dhe, ach se am Biobul focal sgriobhta Dhe. C. C’ ar son a deirir am focal re Criost? F. Do bhri’ gur h é Criost sior iomhaidh an athar, mar ata ar briathrai’ne nan iomhaidh air ar cridheachaibh. C. Thaobh gu raibh am Biobul air a chuid as mo’ air a labhairt, no air a sgriobha le daoinibh, nach’ eil [TD 7] é ni’s iomchuidh focal daoine na focal De a radh ris? F. Cha ’n ’eil; oir ge do labhradh, agus ge do sgriobha’ le daoinibh naomh é, rinn iad so, cha ’n ann do reir an toil no’n gliocais fein, ach mar bha iad air an seòladh agus air am brosduchadh chuige sin leis an Spiorad naomh, 2 Pead. 2. 21. C. Co a thoiseich air na sgriobtuir naomh a sgriobha? F. Maois. C. Co a chuid dhiubh a sgriobh eisean? F. Na cuig leabhraichean as toiseicheidh, eadhon, Gin. H imtheachd, no Exodus, Lebhiticus, Aireamh, agus Aithris an lagh. no Deuterenomy. C. Creud iad na nithe sonruighte ’ta ann sa cheud leabhar dhiubh sinn? F. Seanachas air cruthachadh an t saoghail, tuiteam an duine, an sgrios a thainig air an t saoghal leis an tuil, agus iomad ni sonruight’ eile thaobh na h eaglais ois cionn da mhile bliadhan m’ an d’ rugadh Maois. C. Mar roibh sgriobha’ air bith ann roimh am Mhaois, cionnas a dh’ fheadadh eisean cinnt fhaghail air firinn na nithe sin? F. Le taisbean o neamh, co mhaith as le beul theagasg dhaoine. C. C’ar son a dh’ áithn’ Dia fhocal a bhi air a sgriobhadh? F. Chum ’s gu’m bithidh riaghailt’ shuight’ agus chinnteach aig eaglais fein, thaobh creideamh, agus gniomhartha ann ’s gach linn re teachd, agus nach bithidh iad air am melladh le beul theagasg neo’-chinnteach. C. Cionnas a dh’ fheadadh an eaglais seasamh air marthain, agus an creideamh bhi air a choimhid fiorghlan uine co fhada roimh am Mhaois, ’n uair nach raibh focal sgriobht’ ann? F. Do bhri’ gu raibh an eaglais air a druide suas ann am beagan teaghlaichibh, do thaobh [TD 8] beatha fhada na m priomh aithreacha diadhaidh, agus coi’-lion taisbean a bha Dia a’ toirt dhoibh air fein ann am bruadair, agus aislingibh, agus le àrd ghuthaibh, agus mar an ceadna le bhi cur Ainglibh d’ an ionnsuidh. C. Cionnas ata thu co’-duchadh gur h iad na sgriobtuir focal De, agus gu raibh iad air an sgriobha’ le deachdadh o neamh? F. Le naomhachd na nithe ata ionnta, neamhachd am briathraibh, coi’-sheirm gach cuid dhuibh r’a cheile, eifeachd an teagaisg air an anam, coi’-lion miorbhuile a dh’oibreacha chum an dearbha’, agus fulangas aoibhneach na mairtireach air an son. C. Nach’eil ni eigin eile ’ta ni’s mo eifeachd a chur impidh oirne thaobh diadhachd nan sgriobtur na na nithe sin uile? F. Ge d’ tha iad sin diongmhalt’ a thoileacha dhaoine riasunta, agus chur tosd air an dream ata cur nan aghaidh; gìdheadh ’s è spiorad Dhe amhain ag toirt fia’-nais leis na sgriobtuire air ar cridheach aibh, a dh’ fheadas sinne dhaingneach’ chum a chreidsin gur iad da rireadh focal Dhe, Eoin 16. 13. C. Cionnas ata na sgriobtuir air an roinn? F. Na’n da chuid, eadhon, sgriobtuir an t sein tiomna, agus an tiomna nuadh. C. C’ar son a deirir tiomna riu? F. Do bhri’ gu bheil iad a’ coimhid toil De thaobh slainte pheacairean, mar bha i air a foillsicheadh, agus air a daingneachadh le Criost am fear tiomnuidh, agus deirir ris an toil so tiomna no’ coi’-cheangal. C. Am bheil da thiomna, no da cho’-cheangal eidir-dhealuight ann sgriobtuiribh an t sein tiomna agus an tiomna nuaidh? F. Cha ’n ’eil, oir ataid mar aon ag cur amach an aon choi’-cheangal ann am brigh, agu s suim, thaobh gu bheil sinn ag faicsin gur h è an aon [TD 9] Eidir-mheadhoinear agus an aon slighe chum slainte tre creidimh ann san, ata air an comharthach’ amach ionnta mar aon. Ach do bhri’ gu bheil na h uiread atharrach’ ann san doigh air am bheil an coi’-cheangal air a fhrithealadh, ata è air eider-dhealughadh gu fein tiomna, agus tiomna nuadh, no gu sean agus nuadh choi’-cheangal nan gràs. C. C’ar son a deirir an sein tiomna ris na sgriobtuiribh ata ann sa cheud chuid do’ n Bhiobul? F. Do bhri gu bheil aguinn’ annta freasdal De ann san t sein aimsir thaobh coi’-cheangal nan gràs, ma’n d’ thainig Criost ann san fheoil, a bha le mòran deasghna’, faì’ dearachd, cosamhluichdibh, agus iobairtibh a’ reimh-chiallucha’ a Mhessiah bha re teachd. C. C’ar son a deirir an tiomna nuadh re sgriobtuir na cuid dheireannach do’n Bhiobul? F. Do bhri’ gu bheil iad ag foillseachadh nuadh fhreasdal De ann sa choì’-cheangal trid Chriost, a thainig ann san fheoil, a choì’-lionadh samhlui’ ean agus cosamhlachdan an t sein tiomnuidh, agus a dh’ orducha’ adhraidh bu spioradaile ’n an aite, agus a thaisbean’ a ghraìs ni bu shoilleireadh agus na b’ fhairsìnge do ’n t saoghal. C. Cionnas a dh’ fheadadh a cheud chuid do’ n Bhiobul fearta tiomnuidh bhi ann, ’n uair nach raibh é air a dhaingneacha’ le bàs an Tiomnuidh-fhir? F. Bha è air a dhaingneacha’ le bàs Chriost ann an cosamhlachd leis na h iobairte a chuireadh gu bàs, agus d’a thaobh so deirir re Criost, “An t uan a mharbhadh o thoiseach an t saoghail.” Agus air bhi do shochairibh an t’sein tiomnuidh air an deanamh thairis do na creidmhich ann earbsa re bàs, an Tiomnui’ fhir a bha da rireadh re tachairt, agus a bha air a roi’-chialluchadh leis na h iobairte so, do bha iad air an deanamh foghainteach dhoibhsin ann lorg an creidimh. [TD 10] C. Am bheil sgriobtuir an t sein tiomnaidh nan cuid d’ ar riaghailtne? F. Ata; oir ataid a’ labhairt mòran air Criost agus air a shoisgeul, ata lagh na modhana’ ionnta, agus ata iad air an toirt a steach gu tric ann san tiomna nuadh, Matt. 22. 29. Eoin 5. 39. Gniomh. 17. 11. Rom. 15. 4. 1 Cor. 10. 6. Eabh. 4. 2. Gal. 3. 8. C. Am bheil na sgriobhui’-ean ata ann an leabhraichean an Apocripha gu bhi air an leaghadh, agus r’an gabhail mar fhocal De. F. Cha’ n ’eil, oir ge d’ tha s iad feumail mar ata mòran do sgriobhui’-ean eile dhaoine, gidheadh cha ’n aon chuid do’n sgriobtur naomh iad, do bhri’ gu faic sinn nach raibh iad air an sgriobha’ ann an ceud chanamhuin an t sein tiomnaidh, no le haon do na faidhibh a bha air an seòladh le Dia, ach ann diaidh linn Mhalachi a neach bu deireinnaiche dhuibh, ni mo ghabh na h Judhaich (dan raibh brìathra De o shein air an tabhaìrt) riu, mar aon chuid d’ an riaghail sin. C. Am bheil ughdarras nan sgriobtur ann earbsa re teisteas na h Eaglais? F. Cha ’n eil; oir ata n’ Eaglais i fein air a toghbail air na sgriobtuiribh mar a bunait’, agus ata i le a teagasg gu bhi air a feachain leo san. C. Am bheil ni air bith r’a ghabhail mar riaghail d’ar teagasg ann san t slighe chum sonais ach na sgriobtuir naomha? F. Cha ’n ’eil; oir, ni bheil ar riosun fein r’a gabhail, mar ata na Di chreidmhich ag radh, no beul-theagasg neo’-sgriobhta mar ata na Papanaich ag radh, no an solus ann taobh stigh, no an spiorad as eagmhuis nan sgriobtur, mar ata na Crith-creidmhich, agus luchd bar’ail mhealta a’ cur rompa, Isa. 8. 20. Gal. 6. 16. 1 Eoin 4. 1. 6. C. C’ar son nach ’eil solus nadurra no ar riasunt [TD 11] fein diongmhulta g’ ar seoladh ann san t slighe chum sonais? F. Do bhrigh ge d’ tha iad a’ teagasg dhuinn gu bheil Dia ann, agus gur coìr adhradh thoirt dha’ san; gidheadh cha’n fhead iad obair iongantach na saorsa trid Iosa Criost a shoilleireach dhuinne. C. Ach am bheil focal De leor shoilleir, agus lan iomlan chum bhi na raighail dhuinne? F. Coid air bith cunnuil ata na Papanaich a cur air, a thoirt a steach am beul theagasg, agus orduighe a Phapa, gidheadh ata focal De na riaghail leoir shoilleir agus choi’ lionta, mar ata comhairle Dhe gu h iomlan ann, thaobh gach aon ni is feumail dhuinn eolas a bhi aguinn orra no chridsin chum gloir Dhe, agus slainte ar ’n anama a chur air ann aghaidh. Agus ata so aguinn’ ann am briathraibh soilleir dìreach, no feadar an tarruing uatha, aìr doigh so thuigsin do’n dream as anmhuinne, agus as lugha eolas, 2 Tim. 3. 15. 16. 17. Sal. 19. 7. 8. 9. Sal. 219. 105. 130. C. Am bheil ma’ta toil fhoillsighte De do ’n t shaoghal gu h uile ann san sgriobtur? F. Ata. C. Am bheil sinn gu ni air bith a chreidsin ach na bheil sgriobht’ aguiun’ ann am focal De? F. Ata iomad ni, ge nach’eil iad co fheumail chum slainte. C. Am bheil focal De r’ a thoirt fai dear mar riaghail d’ar’n adhradh co mhaith is d’ar creidimh? F. Ata. C. Nach’ eil é laghail dhuinn’ cuid do innlichdibh ciatfach a chur re adhradh Dhe, mar ’ata comhartha chroin cheusaidh ann Baiste, glun lubadh aig suipeir an Tighearna, Streachda do’n Altair, an t organ ann am moladh, &c. F. Cha ’n ’eil; cha choir am pine as lugha chur ris a phalluinn, ach an ni a dh’ orduigh Dia fein, Eabh. 8. 5. [TD 12] C. Creud ata ’n t Abstol ag radh ris na h innlichdibh, agus na co chuir sin? F. “Ceud thoiseach uir-easbhui’ each, agus adhradh fein thoile, Gal. 4. 9. Col. 2. 23. C. Creud a deir Dia riu san ata cur na nithe sin r’a adhradh sin? F. Deir è riu mar a dubhairt se ris na h Judhaich, Isa. 1 12. “Co ’ta ’g iarraidh na nithe so o bhur laimh. C. Ciod a’ meas bu choir dhuinn’ a bhi aguinn’ do na sgriobtuiribh? F. Bu choir dhuinn a’ meas na trocair, agus na sochair mhòr, gu bheil toil De air a foillseachadh ionnta mar sholus g’ ar stiuradh ann san t. slighe chum neamh; agus uime sin, bu choir dhuinn mòr ghràdh a bhi aguinn orra’ agus bhi gan gnathacha’ gach la. C. Nach’eil iad ann staid ro thruadh ata a’s eagmhuis nan sgriobtuire? F. Ata; oir, “Far nach’eil taisbein theid am Pobull a’ mugha,” Sean. 29. 18. C. An teasairg am focal neach air bhith gun chongnamh an Spioraid? F. Cha teasairg. C. Ciod a thig riusan aig am bheil am focal, agus gidheadh ’ta deanadh di-mheas air? F. “Bithidh iad air an sgriosadh,” Sean. 13. 13. Ceist. III. Creud ata na sgriobtuire gu h araid ag teagasg? F. Ata na sgriobtuire, gu h araid ag teagasg gach ni is coir do’n duin’ a chreidsin mu thimchioll Dhe, agus an dleasdanas ata Dia ag iarruidh air an duine. C. Creud iad an da leason mhor ata na sgriobtuir ag teagasg dhuine? F, Ata na sgriobtuir ag teagasg dhuinne. 1 Na [TD 13] firinnibh a’s eigin dhuinn’ a chreidsin. 2. Na dleasdanais is eigin dhuinn’ a choi’-lionadh. C. C’ ar son ata creidimh air a chuir air thoiseach air umhlachd? F. Do bhri’ gur h ann o’n fhir chreidimh ata ’n umhalchd threimh-dhireach a’ sruthà, agus cha’n fhead dleasdanas air bith a bhi air a dheanamh gu taitneach a’s eagmhuis, Eabh. 11. 6. C. Creud ata na sgriobtuire a’ teagasg dhuinn’ a chreidsin mu thimchoioll Dhe? F. Na tri nithe so, 1. Gu bheil Dia ann. 2. Creud è Dia. 3. Ciod ata Dia à deanamh. Agus uime sin, bu choir dhuinn’ bhi ’g oirpeachadh fàs ann an eòlas air bith, nadur, agus oibridh De. C. Nach bu chóir dhuinn’ air thús dicheall a dheanamh chum bhi air ar socruchadh gu daingeon ann san fhirinn so, gu bheil Dia ann? F. Bu chòir. C. Creud iad na nithe ’ta ag dearbha gu bheil Dia ann? F. Ata so soilleir, cha’n è ’mhain o’n bhiobul, ach mar an ceadna o sholus naduir, o oibridh a chruthaich eadhon, bith nan neamhaidh, na talmhain, agus na fairige, le coi’-lion creatuir ata ionnta, ordu’ maiseach agus gluasachd nan soillse neamhaidh traoghradh agus lionadh riaghailteach na fairge, cruth agus dreach iongantach an duine thaobh cuirp agus anama, na miorbhuile a chuaidh oibreachadh na fai’dearachd a choi’-lionadh, aontachadh gach rioghachd do’n fhirinn so, coguis an duiue fein, ata ’g a dhiteadh’n uair a bhios e’ ciontach agus a’ gabhail a leithsgeil ’n tra bhios e neo’-chiontach; ata iad sin uile gu leoir shoilleir ’a nochdadh gu bheil Dia ann, mar adhbhar nair’ agus maslaidh do gach neach leis am b’ aill an fhirinn so chuir ann teagamh. C. Ciod a deir sinn riusan ’ta ag smuaiuntaghach nach’ eil Dia ann? [TD 14] F. Deir finn luchd Dia sheanaidh riu. C. Ciod ata Spiorad De ag radh riu? F. Amadain. C. C’ar son a deirir amadain riu? F. Do bhri’ gu ’m bheil an ni ataid ag smuainteachadh ann aghaidh breanuchadh riasunt’ an anama fein, agus ann aghaidh bar’ail choitchean gach duine glic agus riaghailteach, agus mar an ceadna ann aghaidh teisteis gach creatuir; do bhri’ gu bheil bith agus gliocas De r’ an faicsin gu soilleir ann ’s gach ni air an socruigh sinn ar suilean, mar ata, ean, cuileag, craobh, luibh, agus gach feornuin do ’n fheur. Ceist. IV. Creud e Dia? F. Dia is Spiorad e, ata neo’-chriochnach, bioth-bhuan, neo’-chaochlach ann a bhith, a ghliocas a chumhachd, a naomhachd, a cheartas, a mhaitheas, agus fhirinn. C. Am bheil é ’n comas creatuire cunntas iomlan a thabairt air Dia? F. Cha ’n ’eil. C. Nach ’eil gach uile bhreathnuch’ ’ta aguinne mu nadur na diadhachd ro neo’-iomlan? F. Ata. C. Cionnas ata iad mar sin? F. Do bhridh air bhi do nadur Dhe spioradail, agus neo’-chriochnach, gu bheil se air àrduchadh co mhòr o ’s ar ceann-ne is nach feadar a nochdadh le cainnt, no thuigsin le ciatfadha, no a thogbhail le tuigse dhaoinibh, Job 11. 7. 8. 9. C. Creud a ghne shubstaint ata an Dia? F. Dia is Spiorad e, Eoin 4. 24. C. Creud é Spiorad? F. Bith neo-fhaicsineach, aig am bheil tuigse agus toil, gun chorp no buill chorporra, Luc. 22. 30. C. Nach ’eil aingle agus anama dhaoine nan Spiorada mar an ceadna? F. Ata. [TD 15] C. Ciod an t eider dhealuch’ ata eider Dia agus na spioradaibh sin? F. Cha ’n ’eil ann ’ta sin ach spiorada criochnach, air an cruthachadh le Dia, agus ann * taic ris-sin; ach ata Dia na Spiorad neo’-chriochnach, neo’-chruthaighte, agus neo’-cheangailte ri ni, no neach, an ti a rinn gach aon ni do reir a thoile fein. C. Ma ’ta Dia ’na spiorad, coinnas ata na sgriobture ag ainmeachadh gnuis, suilean, cluasan, beul lamhan, agus † cotchaibh corporra eile air? F. Cha ’n ’eil iad sin r ’an gabhail ann seagh dìreach, ach mar bhriathraibh samhluch thaobh Dhe: oir nan labhradh Dia ruinne ann a chaint fein, agus cunntas a thoirt dhuinn’ air fein, mar atà è da rireadh, cha b’urra’ sinn a thuigsin; uime sin, is toileach leis labhairt air fein do reir nòs dhaoine, ann aontachadh r’ ar laigs-ne aig nach fead brea’-nugha’ bhi air buaidhibh, agus oibridh na Diadhachd, gun an leithidibh sin do sgailibh agus do chosamhlachdaibh: air an adhbhar sin ’s eigin dhuinn’ na buill chorporra sin uile a thuigsin air doibh spioradail. C. Ciod a bu choir dhiunn a thuigsin leo? F. Le gnùis De, tuigear foillseachadh a dheadh-ghean-sin; le a shuilibh, uile leirsineachd, agus a fhreasdal furachair; le chluasaibh, gu bheil e ealamh a dh’ eisteachd ar ’n urnaigh-ne, le a bheul, foillsicheadh a thoile; le a laimh no ghairdein, ro mheud a chumhachd. le chridhe, ‡ neo’-mheangalachd a ghraidh; le innidh no chom, a mhòr thruacantas; le a chosaibh, uile latharachd no uil’ ionadachd. C. Ma ’s Spiorad Dia, cionnas a deirir gu ’n do chruthaiche an duine do reir iomhaidh Dhe? F. Cha raibh iomhaidh Dhe san duine a’ co’-sheasamh ann an cosamhluchd chorporra air bith, ach ann am buidhibh spioradail, agus oirdheirc an * Crochta † buill ‡ treibhdhireachd [TD 16] anama, thaobh gur Spiorad neo’ fhaicsineach, neo’-bhàsmhòr, lan eolais, fireantachd agus naomhachd è. C. Am bheil e laghail Dia ata na Spiorad a chur amach fuidh iomhaidh cosamhluchd air bith, mar ata na Papanaich ag cur rompa mar chuideachadh ann adhradh? F. Cha ’n ’eil; oir mar ata e neo’-chomasach do neach air bith so a dheanamh, ata e na oirp’ ro pheacach, do bhri’ gu bheil na cosamhlachda’ suarach sin, ’nan dimeas ann barr’ air mòrdhachd neo’-chriochnach an De ghlòrmhor, agus nan tarcuis shoilleir air a lagh-sin ata gu teann ag toirmeasg a leithid sin do gnathachadh, Deut. 4. 15. 16. Isa. 40. 18. Gniomh. 17. 19. C. Cionnas ata Dia air a chuir amach dhuinn’ ann an leabhar nan ceist? F. Leis na nithe sin a bhuineas d’a nadur, no na h oirdheirce a chi sinn ainmicht air ann sna sgriobtuiribh, d’an goirthear gu coitchinn a bhuaidhibh. C. Cionnas ata buaidhibh Dhe air an roinn? F. Nan da ghne; eadhon, buaidhibh neo’-rann-phartuichte, agus buaidhibh rann-phartuichte. C. Creud iad na buaidhibh neo-rann-phartuichte-ata air an ainmeachadh san fhreagradh? F. An tri sin, eadhon, a neo’-chriochnachd, a bioth-bhuantachd, agus a neo’chaochlachd. C. C’ ar son a deirir buaidhean neo’-rann-phartuighte riu sin? F. Do bhri’ nach feadar an co’partucha’ re creatuir air bith, agus ni mo ’ta gne do chosamhluchd riu r’ an faghail ann ’s na creatuiribh. C. Creud iad buaidhean De ’ta rann-phartuichte? F. An t sea sin, eadhon, a ghliocas, a chumhachd, a naomhachd, a cheartas, a mhaitheas, agus fhirinn. C. C’ar son a deirir buaidhean rann-phartuichte riu sin? [TD 17] F. Do bhri’ gu bheil cail-eigin do lag chosamhluchd riu r’an faicsin ann cuid do chreatuiribh, mar ata ann duine maith agus ann ainglibh; agus uaithe so, deirir gu bheil iad glic, naomh, ceart, agus maith. C. Ciod é bhi neo chriochnach? F. Bhi gun tomhas, crioch, no laithilt air bith. C. Creud an doigh ar an abrar gu bheil Dia neo’-chriochnach? F. 1. Thaobh a naduir, a mhordhachd, agus a ghloir, agus uime sin, ata ’se fada thar tomhas, do-rannsuighe, agus thar tuigse. 2. Ata è neo’-chriochnach ann a ghliocas, a chumhachd, agus uile bhuaidhibh eil ’a nadur; cha ’n fheadar crioch air bith a chur riu. 3. Thaobh àite, do bhri’ gu bheil è uile-lathaireach, agus neo’-chriochnuighte le àit’ air bith. 4. Thaobh buanachd, do bhri’ gu bheil e bith-bhuan, agus neo’-chriochnaighte le aimsir air bith. C. Ciod ata thu a tuigsin le siorui’-eachd Dhe? F. Gu bheil è gun tùs, gun chrioch, ni nach fead creatuir air bith a gabhail dh’a fein; oir ge nach ’eil deire aig ainglibh, agus aig anamaibh dhaoinibh, gidheadh bha toiseach aca; ach an Dia a chruthaich iad, ata eisean o Bhioth-bhuantachd gu Bioth-bhuantachd. C. Ciod ata thu tuigsin le Dia bhi neo’chaochlach? F. Gu bheil è do ghnà air an aon doigh, gun mhuthadh, no atharracha air bith, air buaidhean a naduir, agus a chomhairlibh, agus a runaibh, no thaobh a ghràidh agus a dheadh-ghean d’ a luchd muintir fein, Sal. 102. 27. Isa. 46. 10. Rom. 11. 22. Seam. 1. 17. C. Ma ’ta Dia neo’-chaochlach, cionnas ata na sgriobtuir a’ cur aithreaichas a’s a leath, mar ata ’n Jer. 18. 8. agus ionadaib eile? F. Cha ’n ’eil so air a labhairt ann seadh direach, ach an an seadh coimeisgte. Ata Dia ann [TD 18] so a’ labhairt air fein do reir nòs dhaoine, do bhri’ gu bheil e deanamh a cheart ni a ni daoine ’n uair a ghabhas iad aithrechas, agus a dh’ atharraicheas iad an inntinibh; ata è a g’ atharrach’ riaghailt choitchinn a fhreasdail, gun atharrach’ air bith’ na chomhairle. Oir ciod air bith muthadh a chi’ thear ’na fhreasdal o ’n leith muigh, ata so air gach doigh do reir reimh-eolas neo’ thuiteamach, agus a thoil neo’ chaochlach; agus cha ’n ’eil é cialluchadh atharrach’ air bith inntin an Dia, mar ata é ann an daoinibh. C. Creud ata air a chialluchadh le gliocas De? F. A bhuaidh nadur, leis am bheil eolas iomlan aig’ air gach aon ni, agus leis am bheil è gu seolta ag riaghluchadh na h uile nithe g’ an crich iomchuidh chum a ghloir fein. C. C’ ait ’am bheil an taisbein a’s ro shoilleire air gliocas Dhe r’ a fhaicsin? F. Ata gliocas De a’ dealradh mar aon ann an oibridh a chruthaich agus a fhreasdail; ach ata an dealradh a’s soilleireadh ’ta aguinn dheth ann an innleachd na slainte trid Iosa Criost, air doidh ata mar aon ag toirt dioladh do cheartas ann smachduchadh a pheacaidh, agus ag arducha’ tròcair ann teasairgin a phecaich, Sal. 104. 24 Col. 2. 3. C. Creud è cumhachd Dhe? F. A bhuaidh nadurra sin ann Dia, leis am bheil e uile-chumhachdach, no comasach air gach aon ni a dheanamh is aill leis a bhi deanta, Gin. 17. 1. Jer. 32. 17. C. Ata sinn ag leaghadh mu Dhia nach fead e breug a dheanamh aithreachas a ghabhail, na e sein aich sheun; uime sin, cionnas ata e na chomas gach aon ni a dheanamh? F. Cha chusboire cumhachd na nithe sin, agus bhithidh an deanamh ann aghaidh nadur naomh agus firinn De, agus nan agradh air neò-iomlanachd agus laigse, is cha b’ann air cumhachd. [TD 19] C. C’ ait’ am bheil cumhachd Dhe air fhoillsicheadh? F. Ann cruthachadh an t saoghail le fhocal, agus ann conbhail suas gach ni ’ta ann, ann an ceannsuchadh cumhachd ifrinn lè bàs Chriost, ann oibreachadh miorbhuile, ann togbhail na marbh chum beatha, ann iompuchadh pheacach, ann bhi ag coimhid eaglais fein, agus ann bhi cur cosg air a naimhde, Rom. 1. 20. Eabh. 1. 3. 1 Cor. 1. 24. Eph. 1. 19. Mat. 16. 18. C. Creud i naomhachd Dhe? F. A bhuaidh nadur sin, leis am bheil è fior-ghlan gu neò-chriochnach, agus saor o gach aingidheachd, a’ toirt gràidh do fhireantachd, agus gràin do gach uile pheacadh, agus truaill’-eachd. Hab. 1. 13. C. Cionnas ata naomhachd Dhe, agus fhuath do’n pheacadh air an taisbeanadh? F. Ann an reachdaibh naomh agus fiòrghlan a dheanamh, le bhi toirt misneich do dhaoin’ ann an umhlachd a thoirt dhoibh; le bhi bagra dh agus a’ smachduchadh à pheacaidh ann aghaidh a reachd: Agus gu sonruighte ann a mhac siorruidh a chuir a ghabhail ar naduir-ne air fein, agus a ghabhail comhnuidh ann, gu bhi ’na eisempleir dhuinn’ air naomhachd; agus mar an ceadna a bhàsuchadh chum gach peac’ agus truaill’-eachd a thoirt air falbh, agus chum naomhachd iomlan a chosnadh air ar sonainn, Rom. 7. 12. 1 Thess. 4. 3. Eph. 5. 25. 26. 27. C. Creud e ceartas De? F. Co’ throm iomlan a naduir, ’ta ag tarruing a thoil gus an ni ta co’ thromach agus ceart, agus a toirt luidheachd do gach duine, agus a buintein ann ceartas r’a chreatuiribh gu leir. C. Ciod iad na nithe ann sam bheil ceartas De air fhoillsicheadh? F. Ann bhi cur breitheanais ua-bhasach air daoin’ air son peacaidh ann san t saoghal so, ann [TD 20] dioghaltas siorruidh a chuir ann gniomh air na h aingidh ann ifrinn, agus ann duais a thabhairt do na fireanaibh air sga’ fireantachd Chriost, Rom. 2. 5. 6. &c. 2 Thess. 1. 7. 8. 9. 2 Tim. 4. 8. C. Creud an co’-duchá air a cheartas is mo’ thug Dia do’n t saoghal riamh? F. Ann an dortadh ’mach soithighe a chorruigh air a mhac fein, ’n uair a sheas è mar urras air ar soinne; agus ann an dioladh iomlan iarruidh uaithe-sin air son ain fhiach peacaidh nan daoine taghta gu leir gun an ni bu lugha a mhatha dh ’a, Is. 53. 4. Rom. 3. 25. 26. Rom. 8. 32. C. Am bheil ceartas neo’-chriochnach Dhe ag cur bacadh air a thrócair? F. Cha ’n ’eil; oir trid eider-mheadhoin’ earachd Chriost, ata è ag taisbein a thròcair; agus a mhaitheis neo’-chriochnach do ’n t saoghail co mhaith r’ a cheartas. C. C’ ait am bheil maitheas agus trocair Dhe air am foillsicheadh! G. Ann ar coimhid o la gu la, ann am freasdal do uir-easbhuidh a chreatuiribh gu leir, ann an caomhnadh a naimhde, agus gu h araid ann an Criost a chuir chum bhiodh na fhear urrais dhoibh, agus ann bhi tairgse slainte trid-sin, gu sonruighte, le bhi logha an cionta, agus ’g an naomhachadh, agus ann gloir shiorruidh a thabhairt do na h uile a chreideas ann san. C. Creud i firinn De! F. A bhuaidh nadurra sin, ata do ghna’ ’g a tharruing gu bhi * neo’-mheangail agus fior ann san ni a deir se, agus ann bhi seasmhach ann coi’lionadh fhocail. C. C’ ait am bheil firinn agus tairisneachd Dhe air am foillsicheadh? F. Ann coi’ lionadh gach fai’-dearachd ata sgriobht ann a fhocal, ann a bhagraibh ann aghaidh a pheacaidh chuir ann gniomh, agus ann a gheallaibh a dheanamh ’mach d a luchd muintir fein. * treibh dhireach [TD 21] C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear na buaidhibh sin, Gliocas, Cumhachd, Naomhachd, Ceartas, Maitheas, agus Firinn, a bhuineas do Dhia, agus iad sin a chi sinn ann ainglibh no an daoinibh? F. Air bhi do na buaidhibh sinn ann Dia thaobh naduir, ’ta iad neo’-chriochnach, bioth-bhuan, agus neo’-chaoch lui’-each ann san: Ach an tomhas criochnach do na buaidhibh sin, a chi sinn ann creatuiribh ata iad air an co’-partuichadh’ riu le Dia, agus buailteach do atharrachadh. Ceist V. Ann bheil tuille Dee ann ach a h aon? F. Ni bhel ach a h aon amhain, an Dia beo agus fior. C. Creud an doigh air an abrar aon re Dia? F. Is aon Dia, 1. Ann aghaidh gach measgadh, air bhiodh d’ a nadur fior ghlan as eagmhuis gach measgadh. 2. Ann aghaidh aireamh, air bhiodh dh’ a na aon ann an aireamh, gun aon air bith eile cosmhuil ris. C. C’ ar son a deirir re Dia an t aon Dia amhain? F. A nochdadh ge ’ta cuid eile ta giulan ainm Dee ann san t saoghal, gidheadh ni bheil ni no neach da rireadh na Dhia, ach eisean amhain, 1 Cor. 8. 4. 5. 6. C. C’ ar son a deirir ris an aon Dia so, an Dia beo? F. Chum eidir-dhealuch’ o iodholaibh marbh nan Cinneach, agus a’ nochdadh gu bheil gach beatha, nadurra, spioradail, agus shiorruidh ann; agus uaithe sin amhain mar an ceud ughdar, Sal. 115. 4. 5. Eoin 5.26. 1 Tim. 6. 13. C. C’ ar son a deirir am fior Dhia ris? F. Chum eidir-dhealuch’ o gach Dia breige ’ta air an t saoghal, Jer. 10. 11. 16. C. Co iad-sin ata ’n sgriobtur ag ainmeacha ta [TD 22] giulan ainm Dhe, thuilleadh air an fhior Dhia? F. Chi sinn gun abrar Dee re mòran, mar ata Jodhoil nan cinneach, an diabhol an Ana-Criost, agus riaghlui’-fheara, 1. Cor. 8. 5. 2 Cor. 4. 4. 2 Thess. 2. 4. Sal. 82. 6. C. C’ ar son a deirir Dee re Jodhoil nan cinneach? F. Cha ’n é gu bheil ni air bith do fhior dhiadhachd annta, ach do bhri’ gu bheil an luchd adhraidh ata air am mealladh ag smuainteachadh gur Dee iad, agus ’ga meas mar sin. C. Am fead a h aon do na Dee sin a’ measg nan cinneach fearthuinn a thabhairt? F. Cha ’n fhead, Jer, 14. 22. C. Ann fead iad saoghal a chruthachadh no an cridhe fhiosrachadh? F. Cha ’n fhead, Jer. 10. 11. C. Cionnas a deirir Dia ris an Diabhul? F. Deirir Dia an t saoghail ris, do bhri’ gu bheil é riaghluchadh thar an t sluagh neo’-iompoichte, ata é gu h eagorach ag agradh urram diadhaidh dh ’a fein, agus ata è da rireadh è faghail adhraidh ann iomad àitè ’measg nan cinneach, 2 Cor. 4. 4. Deut. 32. 17. Tais. 9. 20. C. Cionnas a deirir Dia ris an Ana-criost? F. Thaobh gu bheil è gu h eacorach a gabhail dh ’a fein an ainm, an urram, agus an onoir a bhuineas do Dhia amhain, 2 Thess. 2. 4. C. Cionnas a deirir Dee re uachdranaibh? F. Cha ’n ann gu dualach, ach thaobh rann-partuiche; do bhri’ gur iad fa-uachdarain De air thalam h, a riaghluchadh ceartais do dhaoin’ eile. Sal. 82. 6. C. Nach ’eil cuid ag deanamh an Dia do ’n t saoghal? F. Ata, agus uaith’ so deirir re daoinibh sanntach luchd iodhol adhraidh. C. C’ ar son a deirir sin riu! F. Do bhri’ gu bheil iad à socruchadh an cridhe air an t saoghal ni as mo na air Dia. [TD 23] C. Nach ’eil cuid a’ deanamh Dia d’ am broinn? F. Ata, Phil. 3. 19. C. Cionnas ata iad ciontach air an doidh so? F. Le bhi n’ is curamaich a riarach agus a thoileach am bronn na thoilleacha’ Dhe. C. Cionnas ata thu eo’-duchadh nach ’eil ach aon Dia ann, agus gun tuilleadh? F. O’n sgriobtur naomh, ata gu tric ag innseadh so, mar ata, Deut. 6. 4. Mal. 2. 10. Mat. 19. 17. 1 Cor. 8. 4. 6. 2. O riasunt, oir thaobh gur bith Dia ata neo’-chriochnach, uile chumhachdach, ois-cionn gach ni, agus lan iomlan, agus mar an ceadna ceud ughdar gach aon ni, is eigin do riasunt aontachadh gun teagamh le so, nach fead ach aon Dia a bhi ann gun tuille, agus nach fead ach a h aon amhain bhi neo’-chriochnach, agus ceud ughdarach. C. Co iad ata cur suas iomad dee dhoibh fein? F. Ata na Paganaich, agus na Papanaich mar aon, do bhri’ gu bheil iad da rireadh toirt adhraidh, agus a deanamh urnaigh re cuid eile thuilleadh air an aon fhior Dhia, mar so ’ra na Papanaich a’ deanamh do naoimh, agus a dh’ ainglibh. C. Ach nach feadar agairt air luchd aidmheil a chreidimh aith leasuighte gu bheil iad a’ deanamh iomad Dee dhoibh fein? F. Feadar; or ge ’taid ag aidmheil gabhail ris an aon fhior Dhia, agus adhradh dh’ a san, gidheadh ata moran ag cur suas iodhoil nan cridhe, agus curamach a thoirt seirbhis do nithe eile, agus gan toileachadh ni as mo na Dia, Esec. 14. 3. Phil. 3. 19. C. Creud ata * fiachaicht ’oirne ’n uair nach toir daoin’ eile adhradh agus seirbhis do ’n aon fhior Dhia? F. Bu choir dhuinn le Joshua a chur romhain, agus a radh, “Bheir sinn’ agus ar cuideachd seirbhis do ’n Tighearna,” Josh. 24. 15. C. Am bheil duin’ air bith a’ toirt seirbhis do Dhia a nasgaidh? * dh’ fhiachaibh [TD 24] F. Cha ’n ’eil; oir ata è toirt corouin gloir mar dhuais d’ a shearbhanta treibh-dhireach uile, Tais. 2. 10. Ceist. VI. Cia lion pearsa ’ta san Diadhachd? F. Ataid tri pearsa san Diadhachd, an t Athair a’ Mac, agus an Spiorad naomh; agus an triuir sin is aon Dia iad, ionann nadur’ coi’ mheas ann cumhachd agus ann gloir. C. Creud ata air a chialluchadh leis an Diadhachd? F. An nadur Diadhaidh. C. Ann bheil am focal so Diadhachd san sgriobtur? F. Ata, Gniomh. 17. 29. “Cho bu choir dhuinn a shaoilsin gu bheil an Diadhachd cosmhuil re h òr, no re h airgiod.” C. Am bheil tri naduirean fai leith ana san diadhachd? F. Cha ’n ’eil, ach tri pearsa amhain an san aon nadur dhiadhaidh. C. Cionnas ata thu co’ duchadh gu bheil tri pearsa san diadhachd? F. 1. O na briathraibh soilleir sin, 1 Eoin 3. 7. “Oir ata triuir a’ deanamh fia-’nais air neamh, an t Athair, am Focal, agus an spiorad naomh: Agus an triuir sin is aon iad.” 2. O ordughadh a bhaiste, Mat. 28. 19. “Uime sin imichibhse agus teagaisgibh gach uile chinneach, ’g am baisteadh ann ainm an Athair, a Mhic, agus an Spioraid naoimh:” 3. O ’n bheannuchadh abstolach, 2 Cor. 13. 13. “Gràs an Tighearna Josa Criost, agus gràdh Dhe, agus co’-chomunn an Spioraid naoimh, gu roibh maille ruibh uil’. Amen.’ C. Ciod do bhar’ ail m’ an dearbha’ sin, air an’ trionaid ata air a thabhairt o bhaiste Chriost aig Jordan? [TD 25] F. Ata è fior shoilleir; oir ann sin, ata an t Athair air a thaisbeanadh le guth o neamh, a’ Mac le a latharachd chorpora air thalamh, agus an Spioradh naomh le tuirling a nuas mar cholman air-sin C. Ma ’ta chuis mar so, am bheil an t Athair na Dhia, a’ Mac na Dhia, agus an Spiorad naomh na Dhia? F. Ata, is Dia gach aon fa leith dhiubh. C. Nach dean sin tri Dee? F. Cha dean; ni bheil ann sna tri pearsaidh sin ach aon Dia; do bhri’ gu bheil an’ aon nadur diadhachd ann sgach aon do ’n triuir. C. Creud ata thu cialuchadh le pearsa ann san diadhachd? F. Nadur na diadhachd ag buanachadh ann am bith eider-dhealuighte, agus air a chomharthach’ le buaidhibh pearsonta eagsamhail. C. Creud iad buaidhibh pearsonta eidir-dheal uighte nan tri pearsaidh ann san diadhachd? F. Buinidh do ’n Athair a’ Mac a ghineamhuin, agus an Spiorad naomh a chuir amach; buinidh do ’n Mhac bhi air a ghineamhuin leis an Athair, agus an Spiorad naomh a chuir amach; buinidh do’n Spiorad naomh teachd, no srutha o’n Athair agus o ’n Mhac, ata so uile soilleir o na sgriobtuiribh sin, Sal. 2. 7. Eabh. 1. 5. 6. 7. 8. Eoin 1. 14. 18. Eoin 1. 5. 26. Gal. 4. 9. C. Ann bheil aon do na pearsaidh sin air thoiseach air aon eile thaobh curs’ aimsir? F. Cha ’n eil, oir ata iad uil’ ànn coimeas siorrui’-eachd. C. Am bheil aon air thoiseach air aon eile thaobh inbhe no chumhachd? F. Cha ’n ’eil, oir ata iad uil’ ann coi’ meas cumhachd agus gloir. C. C’ ar son mr seadh ata iad air an ainmechadch ann san ordu’ so, an t Athair, a’ Mac, agus, an Spiorad naomh? [TD 26] F. A chialluch’ an ordu’ agus an oibreachadh ata aca’ ’na measg fein; ata ’n t Athair am bith agus ag oibreachadh uaithe fein; ata Mac am bith agus ag oibreachadh o ’n Athair, ata ’n Spiorad naomh am bith agus ag oibreachadh o ’n Athair agus o ’n Mhac, Eoin 5. 19, Eoin 16. 14. C. Co do na tri pearsaidh so a chruthaich an saoghal? F. Rinn gach aon dhuibh è, mar ata soilleir o na sgriobtuiribh ata ’g ainmeachadh oibridh a chruthaich air gach aon do ’n triuir, Gin. 1. 1. 26. Is. 42. 5. Eabh. 1. 2. Eoin 1. 3. Col. 1. 16. Job 33. 4. Sal, 33. 6. Is. 40. 12. 13. C. Co do na tri pearsaidh a rinneadh na dhuine? F. A Mac, neach is é an dara pearsa do ’n Trionaid ghlòr mhòr; agus o ’n àm a ghabh è nadur an duin’ air fein, deirir an Tighearn’ Josa Criost ris. C. Cionnas ata è air a nochda’ gu bheil Criost a Mac na Dia ann coimeas ris an Athair? F. O na sgriobtuiribh, ann sam faic sinn na ceart ainmibh, tiodàilibh, buaidhibh, oibribh, adhradh, agus onoir air an toirt do ’n Mhac, ata air an toirt do ’n Athair. C. Creud iad na h ainmibh, agus na tiodail nadurra sin ata air an tabhairt do ’n Mhac ann coimeas ris an Athair? F. Eadhon iad sin as airde agus is glòrmhora, mar ata, Dia, an Tighearna, Dia na ’m faidhibh, Righ nan righ, agus Tighearna nan tighearna, an Dia mòr, an Dia cumhachdach, an Dia fior, an Dia glic amhain, Dia ois ceann gach uile beannuighte gu siorruidh. Agus mar an ceadna deirir Jehobhah ris ainm sonruighte neo’rann-phartuighte, an sior Dhia amhain. Mar ata na sgriobtuir a leanas ag dearbhadh, Eoin 1. 1. 1 Tim. 3. 16. Tais. 22. 6. Tais. 19. 16. Tit. 2. 13. Isa. 9. 6. 1 Eoin 5. 20. Jude 25. Rom. 9. 5. Sach. 2. 10. Jer. 33. 6. Sal. 83. 18. [TD 27] C. Creud iad na buaidhibh diadhachd ata air an toirt do ’n Mhac ann coimeas ris an Athair? F. Ata na sgriobtuir naomh ag dearbha gu bheil è biothbhuan, uile’-chumhachdach, uile-leirsinneach, uile lathairech, neo’ chriochnach, ann naomhachd, ceartas, maitheas agus firinn, mar chi sinn, Mic. 5. 2. Eabh. 7. 3. Eabh. 13. 8. Tais. 1. 8. Eoin 2. 24. 25. Eoin 21. 17. Tais. 2. 23. Matth. 18. 20. Is. 6. 3. Tais. 3. 8. 2 Tim. 4. 8. Eph. 3. 19. Tais. 1. 5. C. Creud iad na h oibridh diadhaidh ata ainmighte air Criost ata co’ duchadh gur h è am fior Dhia? F. Ata na sgriobtuir naomh a’ luadh cruthachadh an t saoghail ris, coimhid agus conbhail suas gach aon ni, oibreachadh miorbhuile le chumhachd fein, bhi logha cionta, bhi ’g oibreachadh creidimh agus aithreachais, bhi ag aith-bheothacha an anama, bhi soillsicheadh na h inntin, bhi tabhairt an Spioraid, bhi togbhail na marbh ann san la dheireannach, bhi toirt breith air an t saoghal, agus beatha shiorraidh, Eoin 1. 3. 10. Col. 1. 16. 17. Eabh. 1. 3. Marc. 5. 41. Marc. 1. 5. Eabh. 12. 2. Gniomh. 5. 31. Eoin 5. 21. 25. 28. 29. Luc. 24. 25. Eoin 20. 22. Gniomh 2. 33. 2 Tim. 4. 8. C. Creud an t adhradh agus an onoir ata air an tabhairt do Chriost a’ Mac, ata co’-dughadh gur eisean am fior Dhia? F. Ata sinn ag faicsin a cheart adhradh agus urram diadhaidh ’g an toirt dh’ a, ’ta air an toirt do ’n Athair, mar aon le ainglibh, agus le daoinibh mar an ceadna ’ta è ’na chusboir creidimh, urnaigh agus molaidh, ata na sacramainte air an coisreagadh ’na ainm-sin ann coimeas ris an Athair, mar chi sinn ann sna sgriobtuiribh sin, Eabh. 1. 6. Mat. 8. 2. Mat. 14. 13. Eoin 14. 2. Gniomh. 7. 59. 60. 1 Cor. 1. 2. Gniomh. 9. 14. Tais. 5. 12. 13. Mat. 28. 19. Gniomh. 19. 5. [TD 28] C. Nach i toil shoilleir an Athar gun d’ thugadh gach uile dhaoine onoir do ’n Mhac, amhail is mar do ’n Athair? F. ’S i, Eoin 5. 22. 23. C. Nach ’eil Dia an t Athair ag radh a chompanach, no a cho’-choimeas re Josa Criost? F. Ata, Sach. 13. 7. C. Nach do mheas Criost é fein ann coi’meas ris an Athair? F. Mheas; oir ata è air a radh, Phil. 2. 6. “Cha do mheas è mar reubuinn è fein bhi coi’-ionunn re Dia. C. Ma ’ta a’ mac na Dhia ann coi’-meas ris an Athair, cionnas ata Criost ag radh, “Is mo m’ Athair na mise? Eoin. 14. 28. F. Cha ’n ’eil Criost ann sin a’ labhairt thaobh naduir a dhiadhachd; oir ann san t seagh sin, is coi’-ionunn eisean agus an t Athair ann a’ mòrdhachd; Agus uime sin, a deir se, “Mise agus m’ Athair is aon sinn,” agus cha ’n fhead è bhi air atharrach; do bhri’ gur h i an aon diadhachd mhòr agus neo’-chriochnach is nadur neo’-scathrail, dhoibh mar aon. Ach ann san àit’ air am bheil, a chunnuil, mar ata an co-theagasg ag nochdadh, ’ta Criost à labhairt air oifig eider-mheadhoinearachd, chum an d’ orduigh an t Athair è, agus ann san t seagh so, is easean searbhanta an Athar. C. Nach ’eil é ro mhi-riosunta daoine bhi ag radh is ag cur rompa gu bheil a’ mac ni as lugha inmhe na ’ t athair? F. Ata; oir thairneagh so gu bhi cur suas tuilleadh is aon Dia, agus gu da chusboir adhraidh, an dara h aon n’ is airde nan aon eile; O’s bar, do reir na barail so, cha bhithidh Criost na Dhia ann an seagh direach; oir ata iochdranachd, no bhi fuidh ughdarras ann aghaidh breanugh’ iomchuidh thaobh na diadhachd. C. Cionnas ata é soilleir gur h è an Spiorad [TD 29] naomh Dia ann coi’-meas inmhe ris an Athair, agus ris a mhac? F. Leis na ceart riasunaibh ata co’-duchadah diadhachd a mhic; oir ata na ceart bhuaidhean, ainme, oibridh, adhradh agus onoir air an toirt do ’n Spiorad naomh ata air an tabhairt do ’n Athair agus do ’n Mhac; deirir Dia ris, Jehobhah; ata é bliothbhuan, uile-leirsinneach, uile làthaireach, chruthaigh è ’n saoghal, dhealbh agus dh’ uimigh è nadur na daonachd ann Criost gu miorbhuileach, shoillsigh è na faidhean, agus na h abstoil; ’ta e ’g aith-bheothachadh na marbh, ag aith-ghintin, agus ag naomhachadh a luchd muintir fein; agus ata è na chusboir air gach adhradh diadhaidh, agus urnaigh, agus ata na sacramainte air an coisrea’gadh na ainm. Mar dhearbha’ air a so uile faic, Gniomh. 5. 3. 4. Esec. 3. 24. 26. Eabh. 9. 14. 1 Cor. 2. 10. Luc. 4. 18. 2 Phead. 1. 21. Rom. 8. 13. Eoin 3. 6. 2 Thess. 2. 13. Laoidh. 4. 16. 2 Cor. 13. 14. Matth. 28. 19. C. Nach ’eil sinn ag faghail tiodhlacadh agus sochairibh fa leith o na pearsaidh glórmhor so? F. Ata; dhealbh an t Athair ar saorsa, agus chuir è am fear saoraidh amach; ghabh a’ Mac an obair o ’s laimh, agus thainig è d’ ar saoradh; agus ata an Spiorad naomh ag co-chur na saorsa ruinne. C. Nach bu chòir dhuinn gloir fai leith a thoirt do gach aon do ’n triuir bheannuighte? F. Bu chòir; agus bithidh so mar obair aig an dream a shaorar maille ris na h aingeal gu siorruidh, Tais. 1. 4. 5. 6. Tais. 4. 8. &c. Tais. 5. 9. &c. C. Connas ata sinn re adhradh thoirt do aon Dia fuidh thri pearsaidh? F. Ata sinn re adhradh thoirt do Dhia ann an Criost a’ mac trid an spiorad. ’S eigin iarruidh air an Athair ann ainm a mhic, agus le congnamh [TD 30] an spioraid naoimh, Eoin 16. 23. Eph. 5. 20. Jude 20. C. Am feadadh solus nadur gu bráth eolas a thabhairt air an teagasg m’ an trionaid? F. Cha ’n fheadadh, agus bu chòir dh ’a so ar lionadh le buidheachas air son solus an fhoillsicheadh. C. Am feadar an run diomhair so, AON ann TRI, agus TRI an AON, a thogbhail le riosun dhaoinibh? F. Cha ’n fheadar; oir cha ’n eil è ’n comas breanugh’ anmhunn dhaoine nithe diomhair Dhe a thomhas: ach bu chòir dhuinn an rùn diomhair mòr so a chreidsin, le urram, agus onoir, thaobh gu bheil an co’-duchadh as foilleireadh agus is cinntigh’ aguinn am focal De air Trionaid pearsaibh ann aonachd naduir. C. Am bheil ni air bith ann sa chreidimh Chriostuidh ann aghaidh riosuin? F. Cha ’n ’eil. C. Nach ’eil iomad ni ann o ’s ceann breanugh ’ar riosuin ne? F. Ata. C. An cóir cùl a chur ris gach ni nach fead ar riosunt cunntas a thoirt m’ an timchioll? F. Cha chòir; oir air an doigh, so sheanamaid gach aon do bhuaidhibh nadurra Dhe, oir ata iad sin uile gu neo’-chriochnach o ’s ceann ar smuainteachadh; os-bar, sheanamaid gu bheil anamaibh neo’-beàsmhor aguinn, agus iomad ni eile san t saoghal, nach ’eil ann comas d’ ar riasun an rannsugh’ amach, mar ’ta gluasachd na gaoithe; agus na fairge, &c. C. Creud a bhar’ ail a bhios aguinn m’ an dream ata ’g aich-sheun na trionaid, no cur cùl re diadhachd a Mhic, agus an Spioraid naoimh? F. Gur luchd Dia-bheum iad, ata ’g altrom mearachd ro mhilteach, thaobh gu bheil iad ’a cur ann aghaidh firinne mòr agus buncharach De, ata co shoilleir air am foillsicheadh na fhocal. [TD 31] Ceist VII. Creud iad orduighe Dhe? F. Is iad orduighe Dhe, a rùn siorruidh, do reir comhairle a thoile, leis an d’ orduich se ro-laimh, chum a ghloire fein, gach ni thig gu crich. C. Creud ata thu ag tuigsin le orduighe Dhe? F. A rùnaibh agus orduighe siorruidh, thaobh na nithe a tharlas ann àm, agus gu bioth-bhuantachd. C. An raibh orduighe De gu leir air an dealbh o bhio’-bhuantachd? F. Bha. C. Am bheil Dia a’ rùnacha’ ni air bith ’ta ’g eirigh suas as ùr re h ám, ach na reamh-orduigh é? F. Cha ’n ’eil, Gniomh. 15. 14. Isa. 56. 10. C. Nach ’eil ni air bith a’tarladh ann àm, ach do reir nan orduighe sin? F. Cha ’n ’eil, Eph. 1. 11. C. Nach b’e bhi deanamh ughdar a’ pheacadh do Dhia, bhi ag radh gu d’ orduich é gniomhartha peacach? F. Bu Dia-bheum gu deimhin bhi ag radh gu d’ orduigh Dia am peacadh chuir ann gniomh; ach cha ’n ’eil è mar so, bhi ag radh gu bheil è ag ceadughadh gniomhartha peacach agus ’gan ria gh lughadh chum a rùnaibh glòrmhor fein. C. Cionnas ata é soilleir gu fead Dia lamh naomh mar so a bhi aige mu ghniomhartha peacach dhaoine? F. O eisempleir no dha ann sna sgriobtuir, gu sonruighte ann an, Gniomh. 2. 3. Far am bheil Peadar gu teann ag agairt air na h Judhaich an lamh a bha aca ann ceasadh Chriost, agus gidheadh, ann san àm sin fein ata è ag radh, gu roibh è air a thoirt suas chum na criche so le comhairle shuidhighte, agus reamh-ordugh Dhe. Faic mar an ceadna, Gniomh. 4. 27. 28. Far am faic sinn, nach roibh an rùn a bh’aig Dia o shiorrui’-eachd ann bàs [TD 32] Chriost, agus ann sa mhaith bu mho’ thoirt m’ an cuairt do ’n chinneadh dhaoin’, air doigh air bith a’ gabhail leith-sgeul nan Judhach air son an lamh aingidh a bha aca ann san ghniomh so; do bhri’ gu ’n do shruth è o dhroch rùn annta-san, agus gu b’ è an gniomh agus an obair shaor fein è. C. Ciod a chomhairle’ bh’ aig Dia ann reimh-ordughadh gach uile ni? F. Bha comhairle’ a thoile fein, do bhi a reir gliocas neo’-chriochnach, agus an riosuin a b’ airde, Eph. 1. 11. Isa. 49. 13. C. Creud a chrioch chum an d’ orduigh Dia gach aon ni? F. Chum a ghloire fein, Rom. 11. 56. C. Co d’a bhuaidhibh a bha è cur roimhe ghlorucha’ le so? F. A ghliocas, a chumhachd, a naomhachd, a cheartas, a mhaitheis, agus fhirinn. C. Am fead ni air bith tarladh ann ám chum ordugha’ Dhe atharrachadh? F. Cha ’n fhead. C. Cionnas ata è soilleir gu bheil ordugha Dhe neo’-chaoch-lach? F. Do bhri’ gu ’m bithidh caochladh a’ cur anmhuinneachd as a leth-sin, mar nach faiceadh è ro’-laimh gach bacadh agus grabadh a dh’ fheadadh teachd san t slighe d’ a rùnaibh-sin. C. Am bheil coi’-lion atharrach’ is ata tarladh ann ám, mar bha, Dia a chruthach’ an t faoghail, agus ’g a sgrios airis, ag radh gu bheil atharrach’ air bith ann an comhairle no orduighe Dhe? F. Cha ’n ’eil; oir roimh-orduich Dia o shiorrui’-eachd le chomhairle neo’-chaochlui’each gach atharrach dhiubh sin. C. Am bheil neo’-chaochlui’-eachd orduighe Dhe a toirt air falbh saor thoil a chreatuire riosunta ann coi-lionadh an gniomhartha? F. Cha ’n ’eil; ach na àite sin ata è ’g an daingneachadh, do bhri’ gu d’ orduigh Dia a rùnaibh fein a thoirt gu crich, air doigh a fhreagradh do [TD 33] nadur agus saorsadh an duine, mar dheanadach saor, gan bhacadh air bith air a thoil, thaobh gu b’ fhuras do eolas neo’-chriochnach fhaicsin roi’-laimh, cionnas a bhithidh a thoil agus a rùn ag aomadh ann sgach atharracha staid. C. Nach ’eil iomad ni neo’-chinnteach a’ tarladh-san t saoghal thaobh * teagmhuis? F. Cha ’n ’eil; oir ge ’ta iomad ni teagmhuis each thaobh dara adhbharra; no meadhona ag tarladh ann taobh muigh no ann taobh thall d’ an rùn; gidheadh cha ’n ’eil dadum a tarladh gu tagbhail, no gu teagmhuiseach thaobh Dhe, ata roi’-laimh ag faicsin, agus ag stiuradh gach ni thig gu crich. C. Nach do reamh-orduighe Dia cuid eigin chum beatha shiorruidh? F. Ata so air a chuir ann ceil gu soilleir san sgriobtur, Eph. 1. 4. 5. 6. 2 Thess. 2. 13. C. Am bu roi’ shealladh air an creidimh, aithreachas, no deadh oibridh a b’ adhbhar do ’n ordugh so? F. Cha b’ eadh; san ata iad sin amhain ag srutha uaithe, oir dh’ orduigh Dia iad sin uile mar mheadhona feumail chum beatha shiorruidh, mat ata è soilleir o na sgriobtuir a roi’-ainmicheadh, Eph. 1. 4. 5. 6. 2 Thess. 2. 3. agus o Ghniomh. 13. 48. “Thagh è sinn chum gu ’m bitheamaid naomha,” cha ’n ann do bhri’ gu bheil sinn naomha. C. Ciod a b’ abhar do thagh ordugh Dhe ma ’ta? F. Cha raibh abhar air bith, ach a dheadh thoil, agus a shaor ghràdh, Rom. 9. 11. 12. 18. Cha ’n ’eil abhar uaill aig duin’ air bith; oir chuaidh Dia seachad air aon neach, agus roghnuigh è neach eile, do reir a thoil fein, agus a rùn àrd-Thighearnail. Ceist VIII. Cionnas ata Dia a’ cur orduighe ann gniomh? * Tapoig [TD 34] F. Ata Dia a’ cur orduighe ann gniomh ann oibridh a chruthaich, agus a fhreasdail. C. Ciod ata thu tuigsin le Dia bhi a cur orduighe ann gniomh? F. E bhi toirt gu crich na nithe sinn a reamh-orduigh sè. C. Am bheil orduighe De ar an toirt gu crich ann a oibribh san t saoghal so? F. Ata. C. Creud iad oibridh sin De? F. Oibridh a chruthaich agus a fhreasdail. C. An iad sin ’uil oibridh De, a dh’ orduigh é thoirt gu crich? F. S’ iad. C. Nach ’eil obair na saorsa na cuid do oibridh Dhe dh’ orduigh é o shiorrui’-eachd? F. Ata, ach ’ta i filteadh steach ann an oibridh freasdail De; agus gu deimhin, ’s i obair saoruidh pheacach chailte a chuid as glormhora do fhreasdal De thaobh dhaoine. C. Creud an t atharrach’ ata eidear an doidh air am bheil Dia ag cur oibridh a chruthaigh agus oibribh a fhreasdail ann gniomh? F. Chuir é obair chruthuich ann gniomh ann sea laith, ach ata é buanachadh ag cuir oibridh a fhreasdail ann gniomh; an dara h aon as eagmhuis meadhona, ach an aon eile gu coitcheann le meadhona’. C. Nach ’eil mòran do orduighe De ra ’n cuir ann gniomh na dhiaidh so? F. Ata; ach bithidh iad uil’ air an coi’-lionadh ann san riaghail an d’ orduigh Dia iad, Is. 46. 10. Tais. 1. 1. Tais. 22. 6. Rom. 11. 25. 26. Ceist IX. Creud is obair chruthaigh ann? [TD 35] F. Is i obair an chruthaich, Dia do dheanamh nan uile nithe do neimh-ni, le focal a chumhachd, am feadh ’s e laithe, agus iad uile ro mhaith. C. Creud é ni a chruthachadh? F. Ni eigin a dheanamh do neimh-ni, agus mar an ceadna, ni a dheanamh do ni eile bha air gach doidh neo’-iomchuidh air a shon, mar a deirir cruthacha’ re corp an duine dheanamh do dhuslach na talmhain. C. Co è cruthai’ fhear gach uile ni? F. Dia. C. Cia dheth a rinn Dia gach aon ni? F. Do neimh-ni. C. Cionnas a dh’ fheadas sin a bhi’, do bhri gu d’ rinneadh an duine do dhuslach na talmhain? F. Do bhri’ gu ’n d’ rinn Dia an duslach sin do neimh-ni. C. Am bheil è ’n comas neach air bith ’eil, ach Dia ni a chruthachadh no dheanamh do neimh-ni? F. Ni bheil; cha ’n urradh duine no aingeal an ni as lugha a chruthachadh. C. Nach fead aingeal beo’ chreatuir a chruthachadh? F. Cha ’n fhead, urrad na cuileoig. C. Am fead aingeal ni air bith a philleadh gu neimh-ni? F. Cha ’n fhead. C. Am bheil so ann comas Dhe? F. Ata, feadaidh e ’n saoghal gu leir a philleadh gu neimh-ni co mhaith a’s a chruthaich se è. C. An d’ rinn Dia feum do ainglibh mar mheadhaona ann an obair a chruthaiche? F. Cha’ d’ rinn. C. Creud na meadhona ma ’ta leis an d’ rinn Dia na h uile nithe? [TD 36] F. Le focal a chumhachd; “Labhair Dia agus rinneadh è, Sal. 33. 9. C. Creud am focal cumhachd d’ an d’ rinn è feum? F. Am focal sin an Gin. 1. BITHEADH E mar so, Bithidh solus, bithidh spearan, agus an leithid sin. C. Creud an uin ann san d’ rinn Dia na h uile nithe? F. Ann sea laithe. C. Nach feadadh Dia an deanamh ann uine bu lugha? F. Dh’ fheadadh. C. C’ ar son ma seadh a ghabh è uine co fhada ’g an deanamh? F. A thoirt beachd ni bu shoilleireadh dhuinn’ air ordù a chruthaiche, agus a chur eisempleir fa’r comhair a dh’ oibreach sea laith, agus a ghabhail fois air an t seachdamh la. C. Creud an staid san d’ rinn Dia gach uile nithe air thùs? F. Rinn Dia gach uile nithe air thùs ro mhaith, Gin. 1. 31. C. Ciod an seagh ata aig’ na focail so, Uile ro-mhaith? F. Nach raibh ni air bith a rinneadh air a’ milleadh ann san deanamh; gu raibh iad gu leir freagrach do rùn a chrùthai’-fhir, agus gu raibh iad iomchuidh a thaisbeanadh a gloir-sin. C. Ma ’ta oibridh De uile ro-mhaith, co d’ an obair am peacadh, ata co ro olc? F. Cha ’n è h aon do oibribh Dhe am peacadh; ach obair an Diabhoil amhain, agus obair an duine chuaidh bhuaireadh leis-sin. C. Co d’ an obair na diabhuil, no co a rinn iad? F. Rinn Dia Aingle soillse dhiubh, ach rinn iad diabhoil dhiubh fein. C. C’ uin’ a chruthaighe na h ainglibh? F. Gu cinnteach ann uine nan sea laithe ’ta air an ainmeachadh le Maois, oir ata è air innseadh [TD 37] dhuinn “Gu ’n do chuir Dia crioch air obair cruthachaidh nan neamhadh le ’n sloigh ann san àm sin,” Gin. 2. 1. 2. agus ata so a’ gabhail a steach nan aingeal, ris an abrar gu soilleir sluagh nan neamhadh, Luc. 2. 13. Agus ’s i bar’-ail mòran gu ’n do chruthaicheadh iad air a cheud la, maille ris na neamhaidh a ’s airde. C. C’ar son nach roibh Maois ni bu shoilleireadh, agus na bu mhionaidiche mu chruthachadh nan aingeal? F. Do bhri’ gu b’ e a rùn sonruighte seanachas a thabhairt air an eaglais, agus a chead thùs o chruthachadh an t saoghail, agus mheas è gu bu leoir chum na bha na rùn, gun ni air bith a thoirt dhuinn, ach cunntas gaoirid air a chruthach’ fhaicsinneach do nach buineadh na a h aingeal. C. Creud a chrioch m’ an d’ rinn Dia an saoghal? F. Rinn an Tighearna na h uile nithe air a shon fein, agus chum gloir a bhuaidhibh a thaisbean amach, Sean. 16. 4. C. Co do bhuaidhibh Dhe as dealraicheadh Gloir ann oibridh a chruthaiche? F. A chumhachd a ghliocas, agus a mhaitheas. C. Cionnas ata gloir a chumhachd ag dealradh ann deanamh an t saoghail? F. Ann an tabhairt gach uile nithe air ball amach as bolg na neimh-ne le a lom fhocal, Rom. 1. 20. C. Cionnas ata gloir gliocas De ag dealradh ann so? F. Ann an lionmhorachd iongantach nan creatuire, agus ann ordu’ maiseach agus coi’-sheirm gach uile nithe; an sealladh thug air an t salmodair glaodhach amach, Sal. 104. “O Thighearna cia lionmhòr t oibridh ann gliocas rinn thù iad ’gu leir.” C. Cionnas ata maitheas De air a thaisbean ann sa chruthachadh? [TD 38] F. Ann deasachadh àite comhnuidh co ghoireasach air son an duine m’ an d’ thug è bith dh’ a, agus ann deanamh nan creatuire freasdalach dha’, Sal. 8. 3. 4. &c. Sal. 33. 5. C. Co an la do ’n chruthachadh air an d’ thug Dia air an t solus dealradh? F. Air a cheud la. C. An roibh a ghrian, a ghealach agus na reulta air an deanamh air a cheud la? F. Cha raibh iad air an deanamh gu ’n uig an ceathramh la. C. Cionnas a dh’ fheadadh solus bhi an n m’ an d’ rinneadh a’ ghrian? F. B’ urras do ’n mhòr chruthai-fhear solus dealrach a dhealbh, agus a thoirt m’ an cuairt a shoillsicheadh an t saoghail ann sna ceud tri laithe, agus na dhiadh sin, an solus sin a shuidheach’ ann sa ghrein, ann sa ghealaich, agus ann sna reultaibh, ’n uair a chruthaich è iad. C. C’ uin a chruthaighe an t iasg? F. Air a chuigeadh la. C. C’ nin’ a chruthaighe an duine? F. Air an t seathadh la. C. Ciod a rinn Dia air an t seachdamh la? F. Ghabh è fois o uil’ oibribh, agus naomhaich è mar shabaid è. C. An raibh Dia sgith le obair ’n uair a ghabh e fois na diaidh? F. Cha raibh; “Ni bheil cruthai-fhear criochaibh na talmhain ag ‡ lagachadh, ni mo’ ata è sgith,” Isa. 40. 28. C. Creud a thuigear ma seadh, le Dia bhi a’ gabhail fois, na tamh? F. Gu do sguir è d’ a obair. C. Creud ata Dia a’ teagasg dhuinne leis an eisempleir so? F. Sgur do shaothair na seachd-uin, agus an seachdamh cuid d’ ar ’n aimsir a choimhid naomh do ’n Tighearna. ‡ fannachadh. [TD 39] C. Nach ’eil e soilleir o thuigs agus riosan amhail is mar o ’n sgriobtuir, nach roibh ann saoghail ann o shioruidheachd, ach gu do chruthaicheadh e o cheann beagan de mhilte bliadhna, do reir a chunnatais ata Maois ag tabhairt? F. Ata so leoir shoilleir, thaobh nach fad an uin’ o na fhuaradh seol air ealainibh, o na thoisich bailte, o na shocruicheadh stàtaibh, agus o na sgriobhadh seanachas, oir cha ’n ’eil a h aon dhiubh sin co shean ris an àm ata Maois a’ toirt suas thaobh a chruthachaidh. Os bar ata na beantaidh, agus na glinn ata sinn ag faicsin, nan co’-duchadh soilleir nach roibh an talamh o shiorrui’-eachd, oir thaobh gu bheil an tuisge do ghna’ ag toirt a nuas cuid do’n talamh o na h airdibh, am bithidh a chuid bu lugha air a thoirt a nuas ann a’ mile bliadhna, ’s cinnteach gu ’m bithidh na beantaidh gu h iomlan air an leagail ann cursa bliadhnaidh neo’ chriochnach, air achd is nach bithidh airde air bith r’a fhaicsin anois. C. Nach bithidh è buineach dhuinne bhi gu tric a’ smuainteach air a chruthachadh mhaiseach agus iongantach so? F. Bhitheadh; dheanadh è suarach ’n ar suilibh fein sinn, dhuisgeadh è mothach’ urramach, agus meas mòr air cumhachd agus mordhalachd Dhe ionnaine, dh’ iompoiche è sinn a thoirt fuath do ’n pheacadh ’ta deanamh na h urrad do mhi-riaghail ann sa chruthachadh mhaiseach so, neartuicheadh é sinn ann ar dochas a chuir ann an cumhachd, agus maitheas ar cruthai’-fhear ann ’sgach càs. Ceist. X. Cionnas do chruthaigh Dia an duine? F. Do chruthaigh Dia an duine, fear agus bean do reir iomhaidh fein, ann eolas [TD 40] fireantachd, agus naomhachd, le uachdranachd ois ceann nan creatuire. C. Co an creatuir as urramaich air thalamh? F. An duine. C. C’ ar son ma ’ta, a rinneadh ann diaidh gach uile chreatuir eil è? F. Do bhri gu m’ facadh Dia iomchuidh an saoghal a dheanamh mar thigh, deas agus sgeudaichte air a shon, m’ an do cruthaich è ’n duine chum àiteachadh. C. Ciod a ghne chreatuir an duine? F. Bith air a dheanamh suas do anam, agus do chorp, air a chruthach na fhear agus na mhnaoi. C. Cia lion duine chruthaich Dia air thús? F. Aon duine agus aon bhean a mhain. C. Creud an da ni d’ am bheil an duin’ air a dheanamh suas? F. Do anam, agus do chorp. C. Creud è anam an duine? F. Is spiorad riasunta neo’-fhaicsinneach, agus neo’bhasmhor è, leis am bheil an duin’ ag deanamh gach gniomh beothail agus tuigseach ann am beatha le gluasachd, le tuigse, agus le toil. C. Cionnas a rinneadh anam an duine? F. Chuir Dia anail na beatha ann, agus dh’ fhàs è na anam beo. C. Co dheth a rinneadh corp an duine? F. Rinneadh corp Adhamh do dhuslach na talmhain, agus rinneadh Eubha do asna a taobh Adhaimh. C. Am fead an ccrp bhi beo as eagmhuis a anama? F. Cha ’n fhead. C. Ann fhead an t anam bhi beo as eagmhuis a chuirp? F. Feadaidh. C, Co an iomhaidh a rinn Dia an duine d’ a reir? F. Iomhaidh fein. [TD 41] C. An ann an corp an duine, no ann cosamhlachd corporradh air bith a bha so? F. Cha b’ ann, ach ann anam an duine, ni ata na spiorad air a sgeudughadh le cumhachdaibh nadurra, agus le beusaibh modhanail, ata giulan cail eigin do chosamhlachd r’ a chruthai’ fhear. C. Cionnas ata ’n t anam cosmhuil re Dia ann a chumhahdaibh nadurra. F. Mar ata è na spiorad neo’-bhàsmhor sgeudaighte le tuigse, le toil, agus † meoghair. C. Cionnas a bha ’n duine cosmhuil re Dia ann am buaidhibh moralt no beusach? F. Ann a eòlas, fhireantachd, a naomhachd, agus uachdranachd ois-cionn nan creatuire. C. Creud an t eòlas leis an roibh an duin’ air a sgeuduchadh ann a chead chruthachadh? F. Bha eòlas ro mhor aig’ air Dia, air a lagh agus a thoil, air oibribh, agus air a chreatuiribh, agus a chuid sin dhiubh a bha air thalamh b’ aithne dh ’a gu maith cionnas a dheanadh e feum dhiubh, agus a riaghluiche è iad. Agus mar chomharth’ air eòlas thug e ainme do gach beo chreatuir iomchuidh air an nadurra air a cheud sealladh dhiubh, Gin. 2. 19. 20. C. Creud an fhireantachd sin a bh’ aig’ an duine na cheud chruthachadh? F. Bha toil cho’-thromach agus cheart aige, bha ’g a aomadh gu ceartas a dheanamh r’ a cho’-chreatuire uile. C. C’ àit’ an roibh naomhachd an duine ag co-sheasamh? F. Ann am fior-ghloin an anama, le uile bhuadhibh, a bha ’g a aomadh gu fuath a thoirt do ’n pheacadh, gu gràdh a thoirt do ’n ni bha glan agus taitneach do Dhia, agus ann dicheall a dheanamh air a chridhe, agus a bheatha gu h iomlan a riaghluchadh do reir a naomh-lagh-san. C. Nach roibh an naomhachd nadurr so, ag deanamh an duine iomchuidh air co-chomunn re Dia, † cuimhne [TD 42] agus ’g a neartuchadh chum an lagh a choimhid gu h iomlan? F. Bha. C. Nach b’ i naomhachd a chuid a b’ airde do iomhaidh Dhe ann san duine? F. B’ i; agus ’s i naomhachd oirdheirceachd an duine gach àm, agus ann ’s gach staid, air neamh, no air thalamh, thaobh gur ann le so ata è cosmhuil re Dia. C. Nach ’eil eólas ag deanamh an duine sgiamhach mar an ceadna? F. Ata gu mòr; ma bhios naomhachd na cho’-chuideachd, ach ata eòlas as eagmhuis naomhachd, na chosamhlachd air an diabhol n’ is mo na air Dia, Gin. 3. 1. Gniomh. 13. 10. C. An raibh an uachdranachd sin a bh’ aig’ an duine air thús ois cionn nan creatuire na chuid do iomhaidh Dhe air sin? F. Bha; oir le so bha è ’n cosamhlachd Dhe ann a ughdarras, agus na riaghluchadh. C. Creud an uachdranachd a bh’ aig’ an duine air thùs ois-cion nan creatuire? F. An t ughdaras sin a fhuair è thar iasg na fairge, eanlaith an aidheir, beathaiche na talmhain; le cumhachd ’g an riaghluch’, a dheanamh feum dhiubh, agus chum an gnathachadh a reir a thoil, oir bha iad uile fa ordu’ sin. C. Nach do chaill an duine ann an cuid mhór an uachdranachd so anois? F. Chaill: oir thaobh a chuid as mò do na creatuiribh ata iad nan ua’-bhàs do ’n duine, no eisean na ua’-bhas dhoibh sin, agus ’se so cuid do thoradh seirbh a pheacaidh, oir do bhridh gu d’ rinn an duine ceannairc ann aghaidh Dhe, cha ’n iongantach ge do bhitheas na creatuire ceannairceach, agus eas-umhal dh’ a san. Ceist XI. Creud iad oibridh freasdail De? F. Is iad oibridh freasdail De gu bheil [TD 43] se ag coimhead agus ag riaghluchadh nan uile chreatuiribh, le ’e n uile ghniomhartha, gu ro-naomh, gu ro ghlic, agus gu ro-chumhachdach. C. Cionnas ata thu co’ duchadh gu bheil freasdal De ag riaghluch’ an t saoghail? F. Ata so soilleir o aithris nan sgriobtur, agus o choi’-lionadh direach fai-dearachd nan sgriobturibh, agus mar an ceadna, o nithe nadurra ata soilleir do na h uile, mar ata gluasachd chinnteach laitheil agus bhliadh-nail na greine, ’ta ag toirt m’ an cuairt atharrach’ riaghuilteach la agus oidhche, agus seasonaibh na bliadhna faleith chum freasdal dhuinn’ ann an nithe feumail agus gaoireasach na beatha so, mar an ceadna, traogha agus lionadh riaghuilteach na fairge, an cùram anbar’ach ata ann ’s gach beo chreatuir, riosunta, mothachail, agus luis bheo, a chonbhail suas an gne fein; osbar, ata iomad ni iongantach r’ am faicsin ata ag tarladh, agus ata leigeil ris dhuinn’, gu bheil freasdal glic ann ata ag riaghlucha’ ann t saoghail. C. Creud iad cusboire freasdail De, no na nithe sin mu am bheil é air a thaisbeanadh? F. Ata è ag righeachd air uile chreatuiribh, le ’n uile ghniomhartha, Sal. 103. 19. Eoin 15. 5. Gniomh. 17. 28. C. Am bheil freasdal De ag righeachd air na creatuiribh as suaraiche co mhaith ris na creatuiribh as airde? F. Ata; cha ’n ’eil ni air bith co ard is gu bheil e ’n taobh a mach d’ a chumhachd, agus cha ’n ’eil ni air bith co shuarach is nach toir è faidear è, oir mar ata eisean ag riaghluch’ ann an armailte neamh, mar an ceadna ata è gabhail cùram do na fiachaibh fein, do na gealbhoinn, do ’n [TD 44] fheur, agus do fholt ar cinn, Dan. 4. 35. Mat. 10. 29. 30. Mat. 6. 30. Luc. 12. 24. C. Ma ’ta Dia a gabhail curam do na creatuiribh suarach sin, nach mò gu mòr a ghabhas è curam da’ luchd muintir fein? F. ’S mò. C. Creud iad gniomhadh De mu thimchioll a chreatuiribh; agus an gniomharta sin? F. An dias sin gu h araid, eadhon, an coimhead, agus an riaghluchadh. C. Cìonnas ata è ag coimhead a chreatuiribh? F. Le bhi ’g an conbhail suas ann am bith, bhi ’g an teasairgin o gach olc, agus ag deasuchadh lòin dhoibh, Eabh. 1. 3. Sal. 119. 91. Sal. 145. 15. 16. C. Nach maireadh na creatuiribh ann am bith gun Dia a bhi ’g an conbhail suas? F. Cha mhaireadh, thuiteadh iad fios gu neimh-ni airis a’s eagmhuis so; agus air an doidh so, ’ta am freasdal mar ghna’ chruthachadh, Gniomh. 17. 28. C. Nach feadadh creatuire mar ’ta na h ainglibh maireachduin beo as eagmhuis freasdal De? F. Cha ’n fheadadh, ni as mo na cuileog, na creatuir air bith eile. C. Cionnas ata Dia ag riaghluchadh uile chreatuire agus an gniomhartha? F. Le bhi ’g an sdiuradh chum an criochaibh sonruighte, do reir an nadurra, ag toirt nithe gu crich leo-san do reir a thoile; agus le bhi ’g ard-riaghluchadh an gniomhartha gu leir chum a ghloire fein, Sal. 147. 15. 16. &c. Sean. 1. 16. 9. 33. C. Nach ’eil Dia air uairibh toirt air a chreatuiribh bhi gluasachd ann aghaidh an cùrsa, agus an cumhachd nadurra? F. Ata ’n uair is aill leis bhi cur moirbhuile ann gniomh, mar ’ta bhi ag sgaruichdain nan uisg’ [TD 45] as a cheile, bhi toirt air iarunn snamh, bhi cur cosg air cumhachd teine, agus air corruigh leomhan. C. Am bheil freasdal De ag righeachd air uile ghniomhartha dhaoine? F. Ata è ag righeachd orr’ uile, ma ’s maith, no olc, nadurra, beusach, no teagmhusach iad, Gniomh. 17. 28. Eoin. 15. 5. Exod. 21. 12. 13. C. Creud an lamh ata aig freasdal De mu thimchoill gniomharta peacach? F. Ata lamh naomh aig’ ann na ceuduchadh, ann an laithilt agus cosg a chur orra, agus nan sdiuradh gu criocha glic agus naomh ’n taobh thall do run an luchd deanaidh. C. Cionnas ata Dia ag ceaduchadh do dhaoinibh tuiteam ann am peacadh? F. Ata è ’na cheart bhreitheanas ’g an fagail, no ’g an toirt suas gu ainmianna an cridheachan fein, agus gu buaireadh an aidhbhearsoir, Sal. 81. 11. 12. C. C’ ar son ata Dia ag ceaduch’ a pheacaidh ’n uair ata é na chomas a bhacadh? F. Ann so ata è ag deanamh mar bhreitheamh naomh agus co’-thromach; ’n uair a bhios daoine ag diultadh a ghairm sin, agus ag deanamh dimeas air an t solus, ata è gu ceart-bhreitheach’g an cronachadh, le bhi ’gan fagail dhoibh fein. Ach gidheadh ata è coi’-measg a cheartais le moran trocair agus gliocais, or le so, ata se nochdadh do dhaoinibh mead an uilc ata nan cridhe chum mothachadh thoirt dhoibh, agus an irioslachadh, agus a leigeil fhaicsin dhoibh cia iongantach a bheir e a ghloir fein agus maith na h eaglais gu crich as na nithe as measa, 2 Chron. 32. 31. Neh. 9. 28. C. Am fead thu so a shoilleiricheadh, le eisempleiribh o ’n sgriobtur? F. Feadaidh; ata è soilleir cha ’n ann amhain o bhrath agus o cheasadh Chriost a dh’ ainmighe [TD 46] air an t seachdamh ceist, ach mar an ceadna, ann reic Joseph do ’n Eipht. Bu chron a bha ann rùn na dream a rinn è, ach thug Dia m’ an cuairt air son maith é, Gin. 50. 20. C. Co iad mu am bheil freasdal Dhe gu sonruighte air a thaisbeanadh? F. M’ an eaglais, agus na h uile ta nam fior chreidmhich, ’n uair nach ’eil aig cach ach freasdal coitchinn De re amharc ris, ata freasdal sonruighte agus athaireil aca-san r ’a earbsa ris, do bhri’ gu do gheall è gu co’-oibrigh na h uile nithe chum maithe dhoibh, Rom. 8. 28. C. Creud iad na buaidhibh ata ann gniomhartha freasdal De? F. Ata tri air an ainmeachadh ann san fhreagradh; 1. Ata iad ro-naomh, gun sal, no truaill’-eachd. 2. Ata iad ro-ghlic, gun mhearachd air bith. 3. Ataid ro-chumhachdach, cha’n fheadar am bacadh, no cuir nan aghaidh, Sal. 145. 17. Rom 11. 33. Dan. 4. 35. C. Ma ’ta Dia a riaghluchadh an t saoghail co ro-ghlic, cionnas ata è ag fulang d’ a luchd muintir bhi fa amhghar, agus d’ a naimhde soirbheachadh? F. Ata gliocas De a air a ghloruchadh le so, oir cia càm air bith a bhitheas na nithe sin san amharc, ata iad gu glic air an riaghluchadh chum slaint a phobuill fein a chuir air aghaidh; agus chum sgrios a naimhde. C. Nach ’eil moran le ’n deanadas ag aich-shèun freasdal De? F. Ata; mar ’ta an droing nach’ eil a’ gabhail comhairle Dhe ann nan gnothaichibh, no ’g iarruidh a bheannuchadh orra; agus iadsan ata toirt tuilleadh cliu do dhara abhara na do Dhia air son an soirbheas: agus iadsan ata mi-fhoighidneach fuidh thrioploid, an-earbsach a Dia nan teanndach, no gabhail seoladh neo’-laghail chuin righ- [TD 47] righeachd air na nithe bhios a dh’ eas-bhuidh orra. C. Creud am meas bu choir dhuinne altrom air freasdal De? F. Bu chòir dhuinn freasdal De a chur air ar crann le urnaigh ann ar gnothaichibh gu leir, agus earbsa r ’a chùram: bu choir dhuinn ceimibh a fhreasdail a thoirt fai-near gu h urramach, agus geill iriosal a thoirt d ’a orduchà-san. C. Nach bu choir dhuinn’ comharth’ a chur air ceimibh grasail freasdail De d’ ar taoibhne? F. Bu choir. C. Creud iad sin bu choir dhuinn a chomharthach gu sonruighte? F. Iad sin a leanas, eadhon, curam, a fhreasdail ann ar coimhead ann sa bhroinn, agus o ’n bhroinn, ann am faire dheanamh oirne ’n ar naoi’-eantachd lag, ann ar crannchar a theilgeil far am bheil solus an t soisgeul, an àite bhi ’measg neo’-chreidmheich, oilean diadhaibh agus deadh eisempleiribh a luidheasach oirn’, bhi toirt orduighean beothail agus freasdail dhuinn d’ ar dusgadh chum pilleadh re Dia; bhi ag coimhead ar beatha co fhada ’measg gach easlaint, cunntart, agus * spuirlin; agus ann ar conbhail o iomad rib agus buaireadh chum peacaidh. Ceist XII. Creud an gniomh araid freasdail a rinn Dia do thaobh an duine san staid ann do chruthaiche e? F. Ann t an do chruthaich Dia an duine, do rinn se co’cheangal beatha ris, ag iarruidh umhlachd iomlan air mar chumhnant; agus ag toirmeasg dh ’a ni air bith ithe do chraoibh eòlais maith agus uile faoi phein a bhàs. * tubaist [TD 48] C. Ciod a’ rinn Dia ris an duine n’ uair a chruthaich è? F. Rinn è coi’-cheangal ris. C. Ciod ata thu tuigsin le coi’-cheangal? F. Ni air an aontaigh dias ann coi’-reite r ’a cheile. C. Cio lion coi’-cheangal a rinn Dia ris an duine? F. Dias, eadhon, coi’-cheangal nan gniomh, agus coi’-cheangal nan gràs. C. Co dhiubh sinn a rinn Dia re Adhamh air thus? F. Choi’-cheangal nan gniomh, ris an abrar san fhreagradh coi’cheangal na beatha. C. C’ ar son a deirir co’-cheangal oibridh, agus coi’-cheangal beatha ris? F. Deirir coi’-cheangal oibridh ris o ni bha è cur mar chumhnant air an duine, agus deirir coi’-cheangal beatha ris, o ’n ghealladh, no an duais a bha è tabhairt. C. Cionnas ata è soilleir gu roibh Dia agus Adhamh da rireadh ann coi’ cheangail r ’a cheile? F. Uaithe so, gu roibh Dia ag iarruidh umhlachd d’ a thoil air Adhamh, ag gealtain beatha dh ’a ann lorg umhlachd, agus ag bagradh bais ann lorg eas-umhlachd, agus do bhri’ gu d’ rinneadh Adhamh do reir iomhaidh Dhe, dh’ aontaigh è gun teagamh le toil a chruthai’-fhir ’n uair a chuaidh foillsicheadh dh’ a air thùs. C. An roibh ni sonruight mar cumhnant ann sa coi’-cheangal so? F. Bha, eadhon, oibridh, no umhlachd do thoil De. C. Creud ata thu cialluchadh le cumhnant ann an coi’-cheangal? F. Iartas, no àithne shonruighte trid a coi’-lionadh d’ am bheil na sochaire ata air an gealtain ann sa choi’-cheangal air an tabhairt. [TD 49] C. Ciod a ghne umhlachd a bha ’n coi’-cheangal so ’g iarruidh? F. Umhlachd iomlan do thoil De gu h uile. C. C’ uin’ a dh’ fheadar umhlachd a mheas iomlan? F. Ata i mar so, ’n uair a bhuanaicheas duin’ ann deanamh gach aon ni ’ta Dia ag iarruidh, gun teachd gaoirid ann ni air bith, ann nadur no doigh, ann ard rùn, no chrioch a bhios aige. C. An roibh deagh-ghean air bith ann an coi’-cheangal nan oibridh? F. Bha, bu mhòr an deadh-ghean gu d’ aontaigh Dia an duine ghabhail ann coi-cheangal ris fein, agus gu do gheall è coi’-lion duais luachmhòr a thoirt misneich dh ’a na umhlachd, ni a bha gu cinnteach mar fhiacha air le a chruthachadh, ge nach rachadh ni air bith a ghealtain dh’a. C. Creud an duais a chuaidh ghealtain do umhlachd an duine an duine ann sa choi’-cheangal so? F. Beatha. C. Creud a ghne beatha a bh’ ann? F. Beatha nadurra, spioradail agus shiorruidh, bha bheatha nadurra agus spioradail a bh’ aig ann, air an toirt dh’a na chruthachadh, chum bhi air am buanachadh dh’a; agus ann am iomchuidh, bha è gu bhi air aiseag chum beatha shiorruidh air neamh gun bhasachadh. C. Creud an cunntas is urra’ thù a thabhairt air na tri gne beatha so? F. Ata bheatha nadurra ag co’ sheasamh ann ceangail an anama agus a chuirp; a bheatha spioradail an ceangal an anama re Dia; agus a bheatha shiorruidh ann an sonas an anama agus a chuirp ann am foilisicheadh neo’-mheadhonach, agus ann la n mhealtain Dhe air neamh gu bràth. C. An roibh; an coi’-cheangal so an a dheanamh re Adhamh air a shon fein amhain? F. Cha roibh; rinneadh ris é, cha ’n ann a- [TD 50] mhain air a shòn fein ach mar an ceadna air son a shliochd gu leir. C. Ann roibh gu leoir do neart, agus do ghrás air an toirt do Adhamh air thùs chum iartais a choi’-cheangal a choi’-lionadh? F. Bha. C. An roibh an coi’-cheangal so ’g iarruidh umhlachd do lagh na modhanna gu h iomlan. F. Bha. C. C’ àit’ an roibh an lagh so air a sgriobhadh? F. Air cridheachaibh ar ceud sinnsir. C. Nach roibh ni eigin eile bha Dia ag iarruidh mar dh’ fheuchain air an umhlachd-san ann? F. Bha, eadhon, nach ithe iad do chraoibh eòlais maith agus uile. C. C’ ar son a bhac Dia a chraobh so dhoibh? F. Mar dh’ fheuchain air an geill, agus air an umhlachd d’ an uachdaran ard Thighearnail, o ’n roibh an uile shochairibh; agus d’ an teagasg, nach roibh an ard shonas ag co-sheasamh ann an nithe aimsireil a mhealtain, ach ann deagh-ghean an Tighearna, agus bu choir dhoibh a thoil agus a rùn san a mhiannughadh thar gach sòlas corporra air bith. C. An roibh feart no buaidh air bith ann sa chraoibh so a dheanamh daoine fiosrach no glic? F. Cha roibh dada, ge do mheall an diabhol ad leis a bhuaireadh so. C’ Car son ma seadh a deirir craobh eòlas mhaith agus uile ria? F. Bha i air a h ainmeachadh mar so, a thoirt cinnt dhoibh nan ithe iad do ’n mheas so, gu mothaighe iad o ’m fiosrach brònach fein a’ maith a a chailleadh iad, agus an t olc a thairneagh iad orra fein, agus air an sliochd. C. Creud a maith a bha aca r ’a chall? F. Iomhadh agus deagh-ghean De mar aon. C. Creud an tolc bha re teachd orra? F. Fearg agus malluchadh Dhe. [TD 51] C. An roibh am paineachas air a nochda gu soilleir dhoibh ’n uair a rinneadh an coi’-cheangal riu? F. Bha, oir a dubhairt Dia, “Ann san la a dh’itheas thu gheibh thu bàs gu deimhin.” C. Ciod a ghne bàis leis an do bhagair Dia iad? F. Bàs aimsireil, spioradail, agus siorruidh ag co’-fhreagradh do ’n bheatha a ghealladh. C. Creud an cunntas is urra’ thu a thabhairt air na tri gne bàis sin? F. Ata bàs aimsireil ag co-sheasamh ann sgarachdain an anama o ’n chorp, am bàs spioradail ann sgarachduin an anama o Dhia, agus ann an call iomhaidh sin; agus am bàs siorruidh ann sgarachduin ann anama agus a chuirp mar aon o lathaireachd shòlasach Dhe gu bràth. C. ’N do bhàsaich Adhamh air doidh aimsireil a cheart la a dh’ ith e meas? F. Cha do bhàsàich, oir bha è bèo gus an roibh è naoidh ceud agus deich bliadhn’ ’ar fhichid a dh’ aois. C. Cionnas ma ’ta bha bagradh Dhe air a choi’-lionadh? F. Air an la ann d’ ith è, bhàsàich è air doidh spioradail, agus dh’ fhas è buailteach do bhàs aimsireil, agus siorrudh. C. Creud a thuigear leis na briathraibh sin, bhàsàich é air doigh spioradail? F. Tuigear leò gu do chaill Adhamh iomhaidh agus deadh ghean De, gu d’ fhàs è bàsmhor, agus buailteach do gach amhghar sa bheatha so, agus do phiantaidh ifrinn na dhiaidh so. C. C’ ar son nach do chuireadh a bhinne gu h iomlan ann gniomh san àm? F. Ata abhar aguinn a chreidsin gu roibh è air a theasairgin o ’n bhàs shorruidh trid eider-mheadhoinearachd Chriost; agus air sga’ nan daoine taghta bha re srutha uaithe, fhuair è dail [TD 52] o ’n bhàs aimsireil car seal, ach thug am peacadh buille bàis dh ’a, leis an d’ èug è faidheoidh. C’ Nach fead sinn mòran do chron a pheacaidh fhaicsin ann sa bhagradh ua’ bhásach so? F. Feadaidh; oir is olc am peacadh ’ta ag toirt sonas aimsireil, spioradail, agus siorruidh o ’n’ duine, agus ’g a chur fuidh gach truaighe dhiu sin. C. An roibh áit ’ann sa choi’-cheangal so, air son eider-mheadhoinear no urras? F. Cha roibh; oir bha é ’g iarruidh umhlachd, no fulangas pearsonta, o gach duin’ air a shon fein. C. Nach gabhadh é re aithreachas o pheacaich, agus oirpeachadh treibh-dhireach air umhlachd, ge do hbithidh iad neo’ fhoirfe? F. Cha ghabhadh; oir bha è ’g iarruidh umhlachd iomlan gu neo’fhuasgailte, agus a’ toirt binne feirge air a chiontach air son na cionta bu lugha, gun dochas trocair air bith ann lorg aithreachais? C. Nach bu choir do gach creidmheach mòr bhuidheachas a thoirt do Dhia, nach ’eil iad fuidh ’n choi’-cheangal so? F. Bu choir. C. Nach ’eil staid neo’-chreidmhich brònach ata buanachadh fuidh ’n coi’-cheangal so? F. Ata. Ceist XIII. An d’ fhan ar ceud sinnsir ann san staid ann do chruthaiche iad? F. Air bhi d’ ar ceud sinnsir air am fagail gu saorsa an toile fein, do thuiteadair o ’n staid ann do chruthaiche iad, le peacadh ann aghaidh Dhe. C. Creud an staid an roibh ar ceud sinnsir’ air an cruthachadh? [TD 53] F. Ann an staid neo’-chiontais, agus mor shonais. C. Creud an ni ann san roibh an sonas a’ co-sheasamh? F. Bha iad saor o gach peac’ agus truaighie, agus bha iad a’ mealtain co-chomann ro bhlasta re Dia. C. Cionnas a thuit iad o ’n staid so? F. Le peacachadh an aghaidh Dhe. C. Nach roibh iad air an deanamh foirfe do reir iomhaidh Dhe? Agus cionnas a dh’ fheadadh iad peacachadh? F. Ge do bha iad air an deanamh foirfe, gidheadh cha roibh iad air an daingneach’ ann san staid so, cosmhuil ris na h ainglibh taghta, ach air an cruthachadh caochlui’-each, agus air am fagail gu saors’ an toile fein. C. An roibh iad air an cruthachadh le toil no rùn gu peacadh? F. Cha roibh. C. Creud ata thu cialluch’ leis an t saor thoil chum an d’ fhagadh an duine? F. Nach d’ rinneadh ain-neart air bith orra, ach gu roibh saor thoil aca, a roghnughadh, no dhiultadh maith no uilc. C. Nach roibh gu leoir do shaorsa nan toil, agus do neart aca thoirt umhlachd do Dhia ann sgach aon ni, agus a sheasamh ann aghaidh gach uile bhuaireadh chum peacaidh? F. Bha nan deanadh iad feum iomchuidh dheth, mar bha nan comas; ach air bhi d’ an stòras ’nan laimh fein, as eagmhuis gràis daingnicheadh o Dhia, dh’ fheadadh iad mar an ceadna tuiteam nam b’ aill leo’. C. Air tuiteam do ’n duine, am bheil an t saor thoil sin aige chum an ni ’ta maith, a bh’ aig Adhamh air thùs? F. Cha ’n ’eil; ge ’ta cail-eigin do shaorsa gu nithe ’ta maith air doidh nadurra no beusach, ra [TD 54] fhaicsin ann daoine neo’-iompoichte, ni as mò ann cuid agus ni as ludha ann cuid eile, gidheadh cha’n ’eil saorsa air bith nan toill gu nithe ata maith air doidh spioradail, air bith dhoibh, “marbh ann ea-ceartaibh agus am peacadh,” Eph. 2. 1. C. Am bheil an dream ata iompoichte a’ faghail an t saor thoil sin chum maith a bh’ aig’ Adhamh? F. Cha’n ’eil gu h iomlan an sa bheatha so, ge ’ta iad ag righeachd orra ann an deagh thomhas, ach do bhri’ nach ’eil iad amhain, ach air an ath-nuadhach’ ann cuid, agus gu bheil iomhaidh Dhe neo’-iomlan ionnta air thalamh, cha ’n ’eil an toil gu h uile gus an ni ’ta maith, oir ata do ghna’ measga’ ann-ta-san do rùn chum uilc. C. Creud an t saor thoil ata aig na naoimh air neamh? F. Ata saor thoil aca ’mhain chum an ni ’ta maith, agus sin ann an tomhas iomlan; agus trid feartaibh gràis daingnicheadh, cha ’n fhead iad ni air bith olc a mhiannuchadh. C. Creud ata r ’a thuigsin le Dia a dh’ fhagail ar ceud sinnsir gu saorsa an toile fein? F. Gu do cheaduigh e dhoibh an roghain a ghabhail ’n uair a bha maith agus olc nan comas, gun nuadh leasachach gràis a thoirt dhoibh a chonbhail an toil o aontachadh le buaireadh chum peacaidh. C. C’ ar son nach d thug è nuadh-leasachadh dhoibh? F. Do bhri’ nach roibh e ceangailt; air so a dheanadh, agus gu roibh runaibh ghlormhor aige r ’n toirt a steach le a chonbhail uatha. C. Creud am buaireadh bh’ aig’ ar ceud sinnsiribh chum peacachadh ann aghaidh Dhe? F. 1. Bhuair an Diobhal a bhean chum ithe do ’n mheas thoirmisgte: Agus 2. Bhrosduigh e ise gu Adhamh a bhuaireadh a dheanamh an ni cheadna. [TD 55] C. Am feadadh an diabhol ain-neart air bith a ghnathacha ann na ’m buaireadh chum peacaidh? F. Cha ’n fheadadh, b’ e na h uile bha na chomas, am buaireadh chuige so air doigh chealgaich. C. Ciod an seol a ghabh è air so a dheanadh? F. Rinn è feum do nathair, agus labhair è mach aiste, nochd è dhoibh gu roibh a’ meas ion-mhiannuiche, agus chuir è ’n ceil dhoibh gu ’m bithidh iad glic mar Dhia le ithe dheth, agus gu rachadh iad as o ’n pheanas a bhagradh, thug è ionnsuidh air Eubha ’n uair a bha i na h aonar, agus rinn è feum dh’ ise a bhuaireadh a fir. C. Nach ann air a shon so, ata Criost ag radh ris ann an diabhoil Breagoire, agus Mairt-fhear o thoiseach? F. ’S ann, oir b’ ann le breugaibh, agus le cealgoireachd a mhuirt è ar ceud sinnsiribh agus an sliochd. C. Nach bu pheac’ ua’ bhasach dhoibh an diabhol a chreidsin ni bu mhó na Dia? F. B’ eadh; agus ata sliochd Adhamh do ghna’ ullamh chum eisempleir a leantain air an doidh so. C. Ciod a thigeadh ris na daoine as fearr anois nam fagadh Dia dhoibh fein iad, agus do bhuaireadh an aidhbhearsoir? F. Rachadh iad a’ mugha gun teagamh thaobh gu do chaill sinn ar neart trid an leagaidh, cha ’n ’eil duin’ air thalamh a’ righeachd air foirfeachd Adhaimh ann gràs; oir ata gna’ thruaill’-eachd air a measgadh ann san neach as fearr. C. Nach bu choir dhuinn bhi re gna’ urnaigh re Dia gun ar fagail gu saorsadh ar toile fein? F. Bu choir; oir mar roibh naomhachd iomlan as eagmhuis nuadh chongnamh agus gràs daingnicheadh o Dhia, nan dion o thuiteam gu tur, mar ata e soilleir o eisempleir nan ainglibh, agus ar ceud sinnsiribh; bhitheamaid air ar sgrios gun [TD 56] teagamh nam fagadh Dia dhuinn fein sinn, ata lag agus truailleadh. C. Nach ’eil na creidmhich tearuinte ’nios o leithid sin do leagadh? F. Ata, ge nach ann dhoibh fein a bhearthar a chliu, ach do ghealladh gràsmhor De tri Josa Criost. C. Creud iad na criocha glic, agus grásmhor a bh’ aig Dia ann ceuduch tuisle Adhamh? F. Bha è cur roimhe a ghliocas neo’-chriochnach, a cheartas, agus à mhaitheas a ghlòrughadh, le peacaich do ’n chinnidh dhaon’ a shaoradh trid urras a sholair è fein dhoibh. Ceist XIV. Creud a peacadh? F. A se am peacadh easbhuidh aontachadh le lagh Dhe, no briseadh an lagha sin. C. Creud ata thu cialluchadh le lagh Dhe? F. Na h àitheantaibh, no na reachdaibh a thug Dia do ’n duine chum a ghiulan a riaghluchadh. C. C’ àit’ am bheil an lagh so air a sgriobhadh? F. Bha è air thùs gu soilleir air a sgriobhadh air cridhe Adhaimh, ach trid an leagaidh, d’ fhas an sgriobha so dorcha, agus uime sin, sgriobh Dia gu leoir shoilleir dhuinn è ann a fhocal fein. C. Cia lion gne do reachdaibh a sgriobh Dia ann a fhocal. F. Tri; eadhon lagh na coir-cheartas, lagh nan deasghnà, agus lagh na modhana. C. Creud e lagh na coir-cheartais? F. Na nithe a bhuineadh do riaghail nan Judhaich, ann an gnothaiche saoghalta, leis nach roibh riòchdaibh eil’ air an ceangail na b’ fhaide na bha iad air an steigh-each’ air co’ throm, no ceartas modhanail. C. Creud e lagh nan deasgnath? [TD 57] F. Na statuin a bhuineadh do adhradh nan Judhach, mar bha ’n iòbairte, ionalada, agus gniomhartha crabhadh eile, bha roi’, chialluchadh Chriost agus a shochairibh-sin, agus ata ’nois air an coi’-lionadh, agus air an toirt air falbh le teachd Criost. C. Creud é lagh na modhana? F. Na nithe sin ata mar riaghail d’ ar beasaibh, agus d’ ar gniomhartha, agus ata gu h aithghearr air an cur sios le Dia fein, ann sna deich àitheanta. C. Am bu choir do na h uile dhaoine cosamhlachd ris an lagh so oirpeachadh? F. B’ eadh; oir ’ta gach eas-bhuidh dheth na pheacadh. C. Creud ata thu tuigsin le cosamhlachd ris an lagh? F. Bhi cosmhuil ris an ni ’ta è ’g iarruidh oirne. C. Ciod a ghne chosamhluchd re lagh Dhe is coir a bhi ann aine? F. Cosamhlachd mar aon o ’n leath stigh ann ar cridhe agus ann ar smuaintibh, agus an san leath ’mach, ann ar briathraibh agus ’n ar gniomhartha, agus ma bhios easbhuidh na cead chuid dhiu’ fin oir ne ’ta sinn ciontach am peacadh cia direach air bith a bhios a chuid eile. C. Creud is ciall do bhriseadh an lagh? F. ’S e sin bhi dol thar nan criocha sinn a shocruich Dia dhuinn le lagh, no bhi deanamh nan nithe sin ata na aghaidh. C. C’ ar son ata na briathra sin mar aon air an gnathachadh a cbomharthach ’a pheacaidh, eadhon, eas-bhuidh aontacha’ leis an lagh, agus briseadh an lagha? F. Ata cheud aon dhiu’ sin a’ gabhail a steach peacadh gin, ata na eas-bhuidh aontachadh thaobh naduir, agus peacadh dearmaid ata na eas-bhuidh aontachadh beatha re lagh Dhe. Ata ’n dara h aon air a ghnathach’ a ghabhail a steach peacaidh deanadais, thaobh smuainteadh, briathra, no gniomhartha. [TD 58] C. Nach ’eil am peacadh na olc ro mhór, ata ag briseadh an reachd ata ro naomh, ceart, agus maith? F. Ata. C. Creud iad na nithe sin ann sam bheil mór ua’-bhas an uilc so r’ am faicsin? F. Ann ta sin; eadhon, gu bheil se ag tilgeadh uachdrannachd Dhe air cul, ag deanamh di-meas air a chumhachd, ag toirt oil-bheum d’ a naomhachd, ag cur doilghios air a spiorad, ag cur iomhaidh De as an anam, agus a toirt sgrios air. C. Co an sgáthan ann sam bheil olc a pheacaidh r’ a fhaicsin air an doidh as soilleireadh? F. Chi sinn mòran do olc a pheacaidh ann an sgàthan naomhachd De, agus ro mhoran dheth ann an sgàthan do’-ruinn ifrinn, ach ni as mò ann an sgàthan fulangas agus bàs Chriost. C. Am fead finne gu brath an ea’coir ata ’n peacadh a’ deanamh air naomh-lagh De aith-leasachadh? F. Cha ’n fhead; ach thug Criost ar ’n urras-ne lan dioladh air son peacaibh na h uile a chreideas ann san. Ceist XV. Creud am peacach leis an do thuit ar ceud sinnsir o ’n staid ann do chruthaiche iad? F. Do b’e am peacadh leis an do thuit ar ceud sinnfir o ’n staid ann do chruthaiche iad gu d’ ith iad am meas toirmisgte. C. C’ ar son a thoirmeisg Dia a’ méas so ith? F. A nochdadh uachdranachd ois-cionn ann duine, agus mar dh’ fheuchain air umhlachd an duine do thoil agus ughdarras a chruthair’-fhir ann coimhid àithne nach roibh è faicsin riosun air bith air a son ach lòm thoil a Thighearna. C. An roibh lochd air bith ann sa mheas so ithe, mar toirmeisge Dia é? [TD 59] F. Cha roibh. C. An roibh ar ceud sinnsir ciontach am peacadh air bith m’ an d’ ith iad do ’n mheas? F. Bha; pheacaich iad ann eisteachd a thoirt do’n diabhol, agus na chreidsin m’ an d’ ith iad. C. C’ ar son ma ’ta a deirir re ith do ’n mheas an ceud pheacadh? F. Do bhri’ gu ’m b’è so an ceud pheacadh air a chriochnachadh, mar ata è air a labhairt le Seamas 1. 14. 15. C. Co bha ’n toiseach ann sa pheacadh? F. Bha a’ bhean. C. An roibh ar ceud sinnsir ciontach am peacadh ro mhor le ithe do ’n mheas thoirmisgte? F. Air iomad doidh, b’e so am peacabh b’ ua’-bhasaich chuaidh chuir riamh ann gniomh. C. Cionnas ata sin air a nochda? F. Do bhri gu b’ aingidheachd è ann san roibh mòran do pheacaidh oilteil am fochair a cheile, mar bha, bhi cur cul re ughdarras ah cruthai’-fhir, neo’-thaingealachd air son a mhòr mhaitheas, bhi ’g iarruidh coi meas inmhe re Dia bhi creidsin an diabhoil air thoiseach air Dia, bhi, gabhail leis na cheannairc, bhi ’g am murtadh fein agus an sliochd, gu leir; agus do bhi ann co’-chuidheachd na cionta so uile, na nithe a b’ ua’-bhasach ’ga h ann-tromach’ air an cualas riamh iomradh. Creud na nithe bha ’g a h ann-tromachadh? F. Chuir iad am peacadh so ann gniomh air ball ann diaidh an cruthachaidh do reir iomhaidh Dhe, ’n uair nach roibh truaill’-iac d air bith ionnta ’g an tarruing ’g a’ ionnsuidh, no buairidh o ’n leith ’mach, ach ni a dh’ fheadadh iad seasamh na aghaidh, Seagh bha iad ciontach ann am Parras, ann lathair Dhia, agus ann san àit’ ann roibh iad o cheann ghaoirid air an gabhail ann coi’-cheangal re Dia, b’aithne dhoibh gu maith na sochairidh glòrmhor a bha ceangailt re coimhead a cho’- [TD 60] cheagail so, agus an truaighe thigeadh orra ann lorg a bhriseadh; os bar, pheacaich iad ann aghaidh an t soluis bu deallruigheadh, agus soillsicheadh Spiorad De bu mhò bh’ aig’ duine riamh; Agus uime sin, cha bu choir dhuinn smuainteach air a pheacadh so, gun uamhunn. C. Nach ’eil è ’g ann tromach’ am peacadh gu do ghabh iad an danadas corruigh a chur air an Dia mhòr air son buaireadh co shuarach re beagan meas? F. Ata. C. Creud an dorus air an d’ fhuair am peacadh steach do chridheachaibh ar ceud sinnsir? F. Dorus nan sul, Gin. 3. 6. Bha “meas taitneach do ’n t suil.” C. Nach bu choir dhuinn fhoghlum uaithe so, faire chur air an dorus so, chum ’s nach fuigheadh am peacadh dol a steach air? F. Bu choir. C. Nach ’eil eisempleir nan naomh aguinn a rinn so? F. Ata Job aguinn mar eisempleir a rinn coi’-cheangal r’ a shuilibh, agus Daibhi a rinn urnaigh gu ’m pilleadh Dia a shuilibh o amharc air diomhaineas, Job 31. 1. Sal. 119. 37. Ceist XVI. An do thuit an cinneadh daonna uil’ ann ceud pheacadh Adhamh? F. O do bhi an coi’-cheangal air a dheanamh re Adhamh, ni ’mhain air a shon fein ach air son a shliochd; uime sin, an cinneadh daonna uile do thainig a nuas uaithe tre ginealach gnathaichte, do pheacaichè iad ann san, agus do thuiteadar maille ris ann a cheud seacharan. C. An roibh coi’-cheangal nan gniomh air a dheanadh re h Adhamh air a shon fein amhain? [TD 61] F. Cha roibh; bha è air a dheanamh ris air son a shliochd mar an ceadna. C. Creud ata thu tuig sin le sliochd Adhamh. F. A chlann no ghineil a bha gu teachd na dheigh gu deireadh an t saoghail. C. Am bheil sinne air ar gabhail a steach ann sa choi’-cheangal so, ’ta lathair anois dlu’ air sea mile bliadhna an diadh a dheanamh? F. Ata; do bhri’ gur h ann do Jarmad Adhaimh ata sinn. C. Cionnas a dh’ fheadadh an coi’-cheangal bh air a dheanamh ruinne aig’ nach roibh bith san ám sin? F. Bha bith aguinn thaobh fearta ann leasraidh Adhaimh; agus rinn eisean ceangal re Dia, cha’n ann mar neach aon-fhilt, ach mar cheann feadhna’ agus fear ionaid a shliochd gu h uile; agus mar so, rinneadh an coi’-cheangal re h Adhamh ann ar ’n ainm-ne. C. An ann da thaobh so a deirir gu ’n do pheacaich sinn aan san, agus gu thuit sinn maille ris? F. ’S ann, do reir, Rom. 5. 12. C. Cionnas a thainig Adhamh gu bhi na cheann agus na fhear ionaid ann sa cho’-cheangal? F. Dh’ orduigh Dia è. C. Cionnas a dh’ fheadadh Adhamh a mheas mar fhear ionaid air ar soin-ne; ’n uair nach d’ aontaich sinn riamh le so? F. Am b’ urra sinn bhi lathair dh’ aontaichemid le roghain co cho’-thromach, b’ e Adhamh ar ceann nadurra, agus ar ’n Athair gràdhach, rinneadh è do reir Jomhaidh Dhe, le cumhachd leor fhoghainteach a thoirt umhlachd dh’ a, agus do bhri’ gu b’ i so toil De, ’ta è ceangailt oirne aontachadh le so mar lagh naomh agus co’-thromach. Os bar ata deagh bharrantas air a so, o nòs dhaoin’ ann an coi’-cheanguil, ata paranta ag seasamh air son an cloinne gun bhreith, ann a’ malairtibh, ann reic fearainn, ann gabhail ainfhiach, [TD 62] &c. agus c’ar son ma ’ta nach roibh è co’-thromach do Adhamh seasamh air ar soin-ne ann an coi’-cheangal re Dia. C. Am bheil è co’-thromach gu deanadh paranta coi’-cheangail air son an cloinne leis am fead iad bhi air an taruing gu ciont’ agus truaighe, agus mar sin bhi ag fulang air son an ni nach do chur iad riamh ann gniomh? F. Ma ni duine coi’-cheangal air a shon fein, agus a shliochd ann an ni ’ta co’-thromach, agus dligheach, ’s i breith dhaoine gu bheil a chlann fuidh cheangal: mar ata ann geill a thoirt do righ; ata ceannairc an Athar gu co’-thromach ag tuiteam air a shliochd, ag ‡ sorbadh na fola gu leir, agus a’ call na h oighreachd, agus ma ’ta so air a mheas co’-thromach a’ measg dhaoine, c’ ar son nach ’eil è co’ thromach mar an ceadna eidear Dia agus duine. C. An roibh è ceart ar ’n jonmhus a chur nan lamhan-san a rinn feum co olc dheth? F. Dh’ fheadadh iad feum a b’ fhearr a dheanamh dheth nam b’ aill leo, agus cha ’n fheadar a mheas gu ’m bithidh a h aon d’ an sliochd ’n an lamhan a b’ fhearr, ni mo ’ta adhbhar gearain aguinnè, ris am bheil an cùl-sleamhnach’ o Dhia, agus an droch dheanadas ag taitneadh, mar ’ta sinn ag dearbha’ le bhi ag leanntain ceimibh Adhaimh ’n a chionta. C. ’N an seasamh Adhamh, nach bitheamaid anadh maille ris? F. Bhitheagh, agus uime sin, do bhri’ gu do thuit è ’ta è co’-thromach gu ’m bitheamaid ann truaighe maille ris. C. Am bheil co’ pairt aguinne le Adhamh na pheucaidh uile? F. Cha ’n ’eil, ach na cheud pheacadh ’mhain. C. C’ ar son ’n a cheud pheacadh ’mhain? F. Do bhri’ gu do sheas è ann sin air son uile ‡ truailleadh [TD 63] ghineil, mar cheann coi’-cheangail; ach ann diaidh dh’a an coi’-cheangal a bhriseadh, cha deach’ earbsa ris tuilleadh mar fhear ionaid, ach bha è air a mheas mar phearsa’ aon fheilt’ ann a ghniomhartha air a shon fein amhain. G. Nach ’eil é co cho’ thromach ceud pheacadh Adhamh agradh air a shliochd chum an dìteadh, a’s ata è fireantachd Chriost a mheas dhuinn chum ar teasairgin. F. Ata é co’-thromachach air an aon doigh, do bhri’ gu roibh na coi’-cheangail air an deanamh mar aon ris a’ cheud, agus ris an dara h Adhamh ann ar ’n ainm-ne, Rom. 5. 18. 19. C. C’ uin’ ata peacadh Adhaimh’ g a mheas air a shliochd? F. Co luath ’s a bhios bith aca, agus a sheasas iad ann daimh re Adhamh. C. Ma thruail agus ma sgrios aon pheacadh an cinneadh daoin’ uile air an doigh so, nach ion duinn amharc air a pheacadh mar an ni is oilteile air thalamh? F. ’S eadh, agus a sheachna’ ’n a bu churamaich’ na sheachnamaid a’ phlaigh. C. Nach bu choir d’ ar truagh thuiteam leis a’ cheud Adhamh, ar brosduchadh a dh’ iarraidh leasachadh le Criost an dara h Adhamh? F. B’ eadh, thigeadh dhuinn gun fhois a ghabhail gus am fuigheamaid sin, chum as mar ghiulain. sinne Jomhaidh an Adhaimh thalmhaidh gu ’n d’thigeamaid chum Jomhaidh an Adhaimh neamhaidh a ghiulan, agus gu bitheamaid air ar gabhaill a steach faidheoidh maille ris. C. An roibh a h aon riamh do shliochd Adhamh saor d’ a cheud pheaca-san? F. Cha roibh a h aon, ach Josa Criost amhain. C. An roibh Criost do shliochd Adhaimh? F. Bha. C. Cionnas ata dearbha’ air a sin? F. Do bhri’ gur b’ eisean siol na mna, agus gu [TD 64] roibh a chorp aig’ o Mhuire neach a thainig o Adhamh. C. Ma thainig Criost anuas o Adhamh cionnas a dh’ fheadadh è peac Adhaimh a sheachnadh? F. Thearain è o ’n pheacadh, do bhri’ nach d’thainig e o Adhamh do reir gineileach gnathaicht ach air doigh iongantach. C. Creud i an doigh sin? F. Bha e air a ghineamhuin le cumhachd an Spioraid naomh ann am broinn oighe às eagmhuis peacaidh. C. C’ ar son a bha Criost air a ghineamhnin air an doigh iongnntaich so? F. Chum ’s gu bithidh è air a choimhead saor o chiont agus o thruaill’ eachd peacaidh. C. An roibh so leor fhoghainteach ’g a choimhid saor dheth? F. Bha, do bhri’ gu do naomhaich an Spiorad naomh le cumhachd neo’-chriochnach, agus gu do choimhid è fiorghlan gun smal urrad do † thabhachd na h oighe is a bha feamail a dhealbh cuirp ar slanui’-fhir. C. Am bheil a chuid eile do ’n chinneadh dhaoin air an truailleadh le peacadh Adhamh? F. Ata; agus naoidheanna co mhaith re càch eile. C. Am bheil gach aon duine co chiontach agus co pheacach r’ a cheile ann lathair Dhe? F. Ata iad uile mar sin thaobh naduir, ach cha ’n ’eil thaobh deanadas. C. Cionnas ata ’n t eidir-dhealach’ so tachairt thaobh deanadais? F. Do bhri’ gu bheil cuid ni as mò air am fagail le Dia, agus cuid ni as mò ann comain saor ghràs na dream eile, 1 Cor. 4. 7. Ceist XVII. Creud an staid an d’ thug an leagadh ud an cinneadh daonna? † brigh [TD 65] F. Do thug an leagadh ud an cinneadh daonna gu staid peacaidh agus truaighe. C. Co do shliochd Adhamh bha air an tabhairt gu staid peacaidh leis an leagadh ud? F. An cinneadh daon’ uile ach Josa Criost amhain. C. An d’ thug an leagadh an cinneadh daonna gu staid peacaidh’ mhain? F. Thug è gu staid truaighe iad mar an ceadna. C. Am fead duine bhi ’n staid ’n peacaidh gun bhi ’n staid truaighe? F. Cha ’n fhead, oir ’ta ’n dara h aon a’ leanntain an aon eile do ghna’, oir ’s eigin gu ’m bi truaighe ann co-chuideachd a’ pheacaidh gu neo’-sgarthail. C. An roibh a leith’d sin do leagadh riamh is a thachair do ’n cheud duine? F. Cha roibh. C. Cionnas sin? F. Do bhri’ gu ’n do thuit urrad daoine maille ris, agus sin o airde sonais gu doimhne truaighe. C. An roibh Adhamh comasach air è foin a thogbhail ann diaidh dh’a tuiteam gus an staid ann roibh é roimhe? F. Cha roibh. C. C’ ar son sin? F. Do bhri’ gu roibh Adhamh agus a shliochd air an lot’, agus air an anmhunnacha’ co mhòr leis an leagadh thruagh ud, a’s nach b’ urra’ iad dadum a dheanadh chum iad fein a thogbhail, ach b’ eigin dhoibh luidhe ann san staid thruagh sin, gus an toiseicheadh tròcair Dhia chum an cuideachadh. C. Nach ’eil sinn air ar salacha’ co mhaith is air ar laguchadh leis an leagadh? F. Ata, is cosmhuil è re leagadh a gheabhadh duine thuite ann an slochd a’ measg chlochadh agus lathaich, a lota agus a shalaicheadh mar aon. [TD 66] Ceist XVIII. Creud e peacadh na staid sin ann do thuit an duine? F. Trid an leagaidh ud ata ’n duine faoi chionta cheud pheacaidh Adhamh, faoi eas-bhuidh na cheud fhireantachd, faoi thruaill’ eachd a naduir gu h iomlan (d’ an goirthear gu coitheann peacadh gin) agus faoi gach uile pheacadh gniomh ata gintain uathe sin. C. Creud iad an da olc sin ata air an ainmeachadh ann san fhreagra ’ta deanamh suas peacadh ar staid chailte? F. Is iad sin peacadh gin agus peacadh gniomh. C. Creud iad na h uilc sin d’ am bheil am peacadh gin air a dheanamh? F. An triur sin, eadhon, cionta ceud pheacaidh Adhamh, easbhuidh na ceud fhireantachd, agus truaill’eachd ar nadur gu h iomlan. C. Creud ata thu cialluchadh le cionta ceud pheacaidh Adhamh? F. Gu ’m bheil sinn buailteach do fheirg no do smachduchadh air son peacaidh Adhamh. C. Cionnas ata chionta sin ag luidhe oirn’ e? F. Le bhi ag meas peacaidh Adhamh oirn ’e do bhri gu do sheas è ’n ar ’n ionad ann an coi’-cheangal nan oibridh, ni a bhris è. C. Ciod è as seagh do eas bhuidh na ceud fhieantachd faoi ’m bheil sinn anios trid an leagaidh? F. Ata è cialluchadh gu do chaill sinn an treibh-dheireachd iomlan, an fhior-ghloin agus an naomhachd a chuaidh’ shuidheach ann an nadur an duine na cheud chruthachadh, ann san roibh Jomhaidh Dhe air an anam ag co’ sheasamh. C. Cioanas a chaill sinn’ a’ cheud fhireantachd so, no jomhaidh De air ar ’n anamaibh? F. Ata Dia air a bhrosduchadh gus a’ conbhail [TD 67] uainne, mar cheart dioghaltas air son tuiteam Adhamh. C. Am bheil é deanadh ughdàr a pheacuidh do Dhia bhi ag radh gu ’m bheil ’s è a’ conbhail na ceud fhireantachd uainne? F. Ni bheil; oir cha ’n ’eil é ceangailt air Dia an ni sin a thoirt air a h ais a chaill sinn le ’r coire fein, ach is co’ thromach dh’a dhiultadh mar smachduchadh air son ceud pheacadh Adhamh. Ata é fiachaicht oirn a bhi aguinn, ach cha ’n ’eil é ceangailt air sin a toirt seachad. C. Nach ’eil eas’ bhuidh na ceud fhireantachd, ag deanamh an roid do thruaill’-eachd an naduir gu h iomlan? F. Ata. C. Creud ata thu cialluchadh le truaill’-eachd an naduir gu h iomlan? F. Gu bheil buaidhean an anama, agus buill a chuirp gu leir, air an sorbadh, air an salachadh, agus air an trualleadh leis, a pheaca’ o ’n bhroinn. C. Cia mar ’ta truaill’-eachd ar naduir’ g a nochdadh fein? F. Ann ar ’n anmhuinneachd, agus ann ar naimhdeas do ni ’ta maith; agus ann bhi lubadh gu toileach leis an ni ’ta olc. C. Cia a chuid d’ ar nadurra ’ta ’n truaìll’-eachd so ag sorbadh? F. Ar nadur gu h iomlan, gach mothacha agus ball d’ ar cuirp, agus gach cumhachd agus buaidh d’ ar ’n anamanna, eadhon, an tuigse, ar toil, ar coguis, ar meoghair, ar ciatfadha, agus ar smuaintaidh. C. Cionnas ata ar mothachaibh agus ar buill chorporra air an truailleadh lcis a’ pheacadh gin? F. Ata iad anios air fas nan armaibh ea-corach gu h ullamh, Rom. 6. 13. C. Cionnas ata ’n inntin air a truailleadh leis? F. Ata i air a dalladh, agus ann dorchadas co mhór is nach ’eil mothach aice air nithe spioradail. C. Cionnas ata ’n toil air a truailleadh? [TD 68] F Ata i air fas fiar agus crosanta, do-aomadh gu maith, agus togarach chum uilc. C. Cionnas ata choguis air a truailleadh? F. Ata i air fas codalach, marbh, claon, agus neo’-threibh-dhireach; cha ’n ’eil i a’ coi’-lionadh a h oifig gu ceart, le bhi a toirt rabhaidh, a tagradh, agus a’ labhairt air son De mar bu choir do fhear-ionaid a dheanamh; ach a ta i ’n dara cuid tostach no fail’-neach. C. Cionnas ata mheoghair air a truailleadh? F. Ata i air fàs anmhunn, agus cealgach, ata i ullamh a dhio-chuimhneach an ni ’ta maith, agus feumail dhuinn, agus a chuimhneach an ni ’ta olc, diomhain agus neo’ tharbhach dhuinn. C. Cionnas ata na ciatfadha air an truailleadh? F. Ataid air dol gu mi rioghail gu truadh agus thaobh nadurra suidhichte aia cusboire docharach, is ionmhuinn leinn an ni bu choir dhuinn fhuathachadh, agus ’ta fuath aguinn air na nithe bu choir dhuinn a ghràdhachadh, ata sin re gairdeachas mu adhbhar ar bròin, agus re bron mu adhbhar ar gairdeachais. C. Cionnas ata smuainteadh a’ chridhe air an truailleadh? F. Cha ’n ’eil Dia ann ar smuainteadh, ach ataid ullamh chum ruidh air diomhaineas an t saoghail, no air cusboire peacach. C. Cionnas ata ’n truaill’-eachd nadurra so, ag srutha o Adhamh air a shliochd? Ann ann o Dhia ata so? F. Cha ’n ’eil so o Dhia, ’ta na ughdar air naomhachd, agus fior-ghloin, is cha ’n ann air peacadh no truaill’-eachd air bith; ata Dia gu ceirt-bhreitheach ag conbhail na ceud fhireantachd uainn’ ach cha ’n ’eil se a cur peacaidh no truaill’-eachd re h aon d’ a chreatuire, ach ata i srutha d’ ar ’n ionnsuidh tre ginealachd nadurra, Sal. 51. 5. Job 14. 4. Job 15. 14. [TD 69] C. Cionnas ’ta ’m peacach gin ag srutha ’nuas tre ginealach nadurra? F. Le parantaibh peacach bhi gineamhuin clann pheacach cosmhuil riu fein; mar chi sinn gu bheil lobhrachd nam paranta teachd air an cloinn, agus an ceannairc ag sorbadh fola an iarmaid. C. Ge ta ’n corp air a thruailleadh leis an doigh so, cionnas a dh’ fheadas an t anam bhi air a shalachadh nach ’eil air a ghintinn tre ginealach nadurra? F. Do bhri’ gu ’m bheil aon-achd chairdeil, agus coi’-cheangal teann eidear an t anam agus an corp, agus air bhi do ’n anam as eagmhuis na ceud fhireantachd, ’n tra’ theid a cheangal ris a’ chorp thruailleadh, ’ta e air a thruailleadh mar an ceadna, mar dheoch a thruaillear leis an t soitheach an san cuirthear i. Ge ’ta ’n doigh air ann bheil am peacadh gin a teachd air an anam doi’-mhineicheadh, gidheadh, ’ta cinnt an ni so leor shoilleir. C. Cionnas ata cinnt an ni so air a dhearbha? F. Le focal De, agus le ’r fiosrachadh brònach fein. C. Cionnas ’ta focal De ag co’ duchadh so? F. O iomad àit’ ann, mar ’ta iad sin ata ’g innseadh gu bheil sinn air ar dealbh agus air ar breith ann am peacadh, nach fheadar ni glan a thoirt a’s ni neo’-ghlan, an ni ata air a bhreith o’n fheoil is feòil è, gu bheil sinn marbh an ea-ceartaibh, agus am peacaidh, agus gu bheil sinn ciontach o’n bhroin fein. Agus mar an ceadna, ’ta è air a radh mu Adhamh a rinneadh do reir Jomhaidh Dhe, ann diaidh dh ’a tuiteam, gu ’n ghin se Mac ann a chosamhlachd fein, do reir Jomhaidh fein; mar dhearbha air so uile, faic na sgriobtuir shoilleir a leanas, Sal. 51. 5. Job 14. 4. Eoin 3. 6. Eph. 2. 1. Isa. 48. 8. Gin. 5. 3. C. Cionnas ata firinn truaill’eachd ar nadurra soilleir o ar fidreacha fein? [TD 70] F. Do bhri’ gu ’m fead gach duin’ a mhothachadh gu bheil ann taobh stigh dheth eas-aontachd nadurra do ’n ni ’ta maith air doigh spioradail, agus claon thogradh thruagh chum an ni ta olc, gun teachd air iomad toradh seirbh eile dheth. C. Creud iad na nithe seirbh sin ’ta teachd o ’n truaill’-eachd nadurra so? F. An leithide sin; eadhon, dorchadas ar ’n-inntin, cruas ar cridhe, fuath air Dia, agus air maitheas, bhi ag socrachadh mianna an anama air cusbaire docharach, agus bhi tuiteam ann am peacaidh laitheil. C. Nach ’eil am peacadh gin agus an truaill’-eachd so, ’g ar deanamh mio-thaitneachd do Dhia, agus toilteanach air ifrin mu ’m bi sinn ciontach am peacadh gniomh? F. Ata. C. Cionnas ata sin air a nochda? F. Leis an da ni so; 1. Fior-ghloin neo’-chriochnach nadur Dhe, nach fead gu ghrain a ghabhail do pheacadh agus do ’n thruaill’-eachd, gu sonruichte do leithidh an naduir thruailleadh ’ta aguinnè ann sam bheil gach siol agus priomh-thoiseach gach gne pheacadh, a bha no bhitheas, air an cur ann gniomh air thalamh. 2. Leis gach truaìghe, fulangas, agus bas fein a chi sinn naoidheana ag fulang nach roibh ciontach riamh am peacadh gniomh, Rom. 5. 14. C. Nach ’eil è riosunt a smuainteach’ gu ’m bi clann a ghinther le parantaibh a bhios air an naomhachadh saor do thruaill’-eachd nadurra? F. Cha ’n ’eil, oir ’ta nadur’ nan naoimh is fearr neo’-iomlan ann naomhachd, agus ag fantain truaillidh ann cuid agus ata ’n truaill’-eachd * nadurra dhoibh, ach ata gràs ois-cionn nadura agus † eachtranach, air a chur riu. C. Nach fead deadh dhaoine gràs aisig d’ an sliochd? * dualach † neo’-dhualach [TD 71] F. Cha ’n fhead, oir ’ta è gu saor air a thabhairt le Dia do na ’s aill leis. C Nach ’eil è ceangailt orra bhi gu tric re urnaigh air son gràs d’ an sliochd? F. Ata; oir ’ta mòran truaill’-eachd a srutha air an sliochd d’ an taobh san. C. Am bheil cungaidh leigheis air bith air son a pheacaidh agus na truaill’-eachd so? F. Ata, eadhon fuil agus spiorad Chriost, an dara h aon chum maitheamhnas cionta, agus an aon eile a dh’ atharrach’ ar naduir le obair na h aith-ghnineamhain. C Am bheil obair na h aith-ghineamhùin ’g a thoirt air falbh gu h iomlan san bheatha so? F. Cha ’n ’eil gu h iomlan, oir chi sin na daoin’ as fear a’ gearan fhàd ’s a bhios iad air thalamh, Rom. 7. 14. 15. 16. Seam. 3. 2. Seam. 4. 5. C. Ciod iad na h ainmibh ta ’m peacadh gin à faghail san sgriobtur? F. Deirir ris an sean duine, an fheol, ain-miann, agus peacadh o ’n leath stigh, Rom. 6. 6. Rom. 8. 5. Seam. 1. 15. Rom. 7. 17. C. C’ ar son a deirir peacadh gin ris, is nach ’eil am focal so ann san sgriobtuir? F. A chomarth’ ach’ tri nithe. 1. Gu bheil è ag srutha o Adhamh, ceud thoiseach a’ chinneadh dhaoin. 2. Gu bheil è ann-aine o cheud thoiseach ar bith. 3. Gur è toiseach no bunachar gach peacaidh gniomha. C. Creud an t eidir-dhealuch, ’ta eidear peacadh gin, agus peacadh gniomh? F. Is è am peacadh gin peacadh inn-fhillte ar naduir’ re ’ta teachd a dh’ ionnsuidh ’n t saoghail leinn, ach ’s e am peacadh gniomh an t olc sin ata sinne deanamh, ann diaidh dhuinn teachd gu tuigse agus riosuin. C. Creud ata thu cialluchadh le peacadh gniomh? F. Gach briseadh air lagh Dhe, ma san le bhi ag dearmad an dleasdanais ’ta Dia ag iarruidh, no [TD 72] cur a a pheacaidh an gniomh ata s è ag toirmeasg. C. Nach ’eil iomad gne do pheacaidh gniomh ann? F. Ata ro mhòran mar ’ta peacadh dearmaid, agus peacadh deanadais; peacadh ann aghaidh cheud chlair, agus ann aghaidh an dàra clair do ’n lagh, peacadh cridhe, agus beatha, peacadh briathra agus gniomhartha; peacadh thaobh ann mhuinneachd, agus peacadh danadais. C. Cia uaithe ’ta na peacaidh gniomh so uil’ ag srutha? F. O pheacadh gin, no truill’-eachd nadurra. C. Nach ’eil è ni as cosmhuile gu bheil iad ag srutha o dhroch eisemplere a bhios sinn ag faicsin. F. Cha’ n ’eil, oir chi sinn gu ’n do shruth murtadh a bhrathar ann an Cain o Chridhe fein, agus cha b’ ann o dhroch eisempleir air bith, do reir Matth 15. 19. C. Cionnas ’ta peacadh na beatha ag sruth o ’n droch cridhe, no o nadur? F. Amhail is mar thig droch mheas o chraoibh thruailte, agus sruthain neo’-ghlan a thobar salach. Ceist XIX. Creud i truaighe na staid sin ann do thuit an duine? F. Trid an leagaidh ud do chaill an cinneadh daonna uil’ an co’-chomunn re Dia, ataid faoi fheirg agus mallacha’ Dhe, mar sin ataid fa gach uile thruaighe san bheath sa, faoi ’n bhàs fein, agus faoi phiantaibh Ifrinn gu siorruidh. C. Creud iad tri cinn truaighe an duinne trid an leagaidh ’ta air an co’mharth’ ach ann san fhreagra? F. 1 An sonas a chaill sin leis. 2. Na h uilc [TD 73] faoi ’m bheil sinn san àm. 3. Gach truaighe d’ am bheil sin buailteach na dhiadh so. C. Creud iad an truir sin ni as sonruighte? F. ’S è an sonas a chaill sinn co’-chomum re Dia, na h uilc faoi ’m bheil sinn san àm, fearg agus malluchadh Dhia, agus uile amhghaire na beatha so: ’s iad na truaighibh d’ am bheil sinn buailteach na dhiaidh so an ceud agus an dara bàs. C. Nach do chail an duine tuille sonais ach co-chomunn re Dia? F. Chaill è mar an ceadna Jomhaidh Dhe air anam; ach dh’ ainmicheadh so air a cheist ro-laimh faoi eas-bhuidh na ceud fhireantachd, oir is ionàn sin agus iomhaidh Dhe. C. Creud ata thu cialluchadh leis a cho-chomunn re Dia a chail an duine le a thuiteam? F. An co-chompanas blasta, agus an t eòlas a bh’ aig’ an duine ann bhi ag mealtain latharachd ghràsmhor agus co’ fhurtachd Dhe ann an gàradh Eden. C. Creud an dearbha’ ta aguinn gu roibh an duine ’mealtain co’ chomunn co blasta re Dia ann sin m’an do thuit è? F. Uaithe so, nach roibh peacadh no ciont ann san am sin a bhacadh do ’n duine teachd a dh’ ionnsuidh Dhia gu saor, no chur sgail air solus a ghnuis thaobh an duine; agus uime sin bha latharachd chairdeil a chruthai’-fhir aige do ghna. Bha Dia a labhairt gu daimheil ris, a’ carnadh sochairean mòr agus maith air, rinn è coi’-cheangal ris, thug è gach beo creatuir ’g a ionnsuidh a thoirt umhlachd dh ’a agus a ghabhail ainme uaithe, Gin. 1. 28. 29. 30. Gin. 2. 15. 16. 19. 22. C. Cionnas a chail ar ceud sinnsir an co’-chomunn blasta so uile re Dia? F. Le peacachadh ann aghaidh Dhe, agus le briseadh a lagh naomha-sin. [TD 74] C. Nach ’eil call co’-chomuinn re Dia, ’n a truaighe ro mhòr? F. Ata, oir do bhri’ gu ’m bheil sonas neamh a’ co’-sheasamh ann co’-chomunn re Dia, ard mhaith agus cuimh-roinn an anama; ’s eigin gur e eas-bhuidh so an truaighe agus an calldach as mò, agus uime sin, ata è gu ceart air a chur air thoiseach air na truaighibh eile ’ta air an an ainmeachadh ann san fhreagradh. C. Nach h è call siorruidh co’-chommunn re Dia a’ chuid as measa do thruaighe na dream a theid a’ mugha’ ann Ifrinn? F. Is è; oir ’se “Im-ichidh uam,” a cheud fhocal do ’n bhinne ’n an aghaidh. C. Nach do threig an duine Dia, m’ an d’ thug Dia a latharachd ghràs-mbor uaithe-sin? F. Threig; ata è soilleir gu ’n do thuit an duin’ o Dhia m’ an do chaill è a cho’-chomunn ris. C. Cionnas ata dearbha aguinn gu do chaill ar ceud sinnsire an co chomunn re Dia ann diaidh dhoibh tuiteam? F. Le bhi ’g am folach fein o Dhia, agus ag teicheadh uaithe, ’n uair bu nòs leo bhi re gairdeachas na lathair; agus le gruaim Dhe nan aghaidh ’g an tilgeadh ’mach a parras, agus a chur cloidheamh lasaradh a choimhead an doruis g ’a ionnsuidh, Gin. 3. 8. 17. 23. 24. C. Creud an dearbha ’ta aguinn gu do chaill sliochd Adhaimh uile mar an ceadna an co’-chomunn re Dia trid an leagaidh? F. Uaithe so; gu bheil fuath aguinn thaobh naduir air latharachd Dhe, agus air na meadhona chum righeachd air sin, mar ’ta smuainteadh Diadhaidh, urnuigh, agus feitheamh air an fhocal, agus na sacramainte. C. Nach mòr an tolc am peacadh leis am bheil sinn ag call sonas co ard re co’-chomunn re Dia? F. ’S mòr. [TD 75] C. Car sin nach fead creatuire peacadh co’-chomunn a bhi aca re Dia? F. Do bhri’ gur Dia naomh è agus n’ is gloine rosca na gu feadar leis amharc air aingidheachd; cha ’n fheadar leis amharc air peacadh far am bheil è air a cheuduchadh agus air tuinneachadh. C. Am bheil togradh air bith aig’ peacaich neo’-iompoichte air co’-chomunn re Dia? F. Cha ’n ’eil; oir ’s fuathach leo; agus as cuis eagail dhiobh latharachd an Tighearna: agus uime sin, deir s iad re Dia, Im’-ich uainne, Job 21. 14. C. C’ ar’ son ata fuath aca air latharachd Dhe, agus air co’-chomunn ris? F. Do bhri’ gu bheil iad neo’-iompoichte agus feolmhor, ata ’n inntin fheolmhor na naimhdeas ann agaidh Dhe: agus air bith dhoibh mòr chiontach, ata eagal orra roimh ghnuis am breitheamh, aig’ am bheil cumhachd g’ an diteadh. C. Nach ’eil aith-leasuchadh air bith aguinn air a’ cho’-chomunn so re Dia chaill sinn ann Adhamh? F. Ata; oir fhuair Dia ’mach slighe chum peacaich chaillt’ a thoirt gu staid co’-chomuinn ris feis airis. C. Ciod i an t slighe sin? F. Le Iosa Criost orducha’ agus a thabhairt gu bhi na fhear saoruidh; chum ar ciont ’a thoirt air falbh, agus a chosnadh co’-chomuinn re Dia dhuinn trid fhola sin, chum ’s gu bithidh saor chomas aig’ creidmhich teachd a dh’ ionnsuidh caithir nan gràs ann so, agus a dh’ ionnsuidh caithir na gloire san aith-bheatha. C. Nach bi co’-chomunn aig na creidmhich re Dia air neamh n’ is blasta, gu mòr na bh’ aig’ Adhamh ann am parras? F. Bithidh; oir gheibh an creidmheach foillsicheadh n’ is mò gu mòr air gradh Dhe na bh’ aig Adhamh, bithidh Dia aig gabhail comhnuidh ann [TD 76] a nadur fein, agus bithidh è suidhichte gu neo’-chaochluidheadh ann an staid bheanuighte gu siorruidh, Eph. 2. 5. 6. C. Nach ’eil sinn faoi chomain neo’-chriochnach do Chriost a chosain na chail Adhamh dhuinn? F. Ata. C. C’ áit am bheil co’-chomunn re Dia r ’a fhaghail san bheatha so? F. Ann an gnathachadh na meadhona sin a dh’ orduigh Dia, eadhon, am focal, sacramainte, urnaigh agus moladh. C. C’ uin’ a bhios co’-chomunn aguinn re Dia na orduighean fein? F. ’N uair ’a dh’ aontaicheas è cumhachd a spioraid a dhortadh ’mach air ar ’n an amanna eadhon, ’n uair a bhios sinn a’ faghail soluis, beatha neart, no co’-fhurtachd o Dhia; agus ’n tra’ bhios ar creidimh, ar gradh, ar ’n aithreachas, agus ar tograbh spioradail air an tarruing amach agus ag oibreacha’ gu beothail. C. Os barr air co’-chomunn re Dia a chaill sinn, nach ’eil sinn mar an ceadna fuidh fheirg agus malluchadh Dhe trid an leagaidh? F. Ata; oir ’ta sinn uile thaobh nadur’ ’n ar cloinn na feirge, agus fuidh mhalluchadh Dhe, mar chi sinn gu soilleir, Eph. 2. 3. Gal. 3. 10. C. Creud ata air a chialluchadh le feirg Dhe? F. Corruich, no ceart dioghaltas an Tighearna ann aghaidh a pheacaidh ag losgadh gu dian, agus ata ullamh do ghna’ a bhriseadh ’mach ann am breitheanais uabhasach ann aghaidh a pheacaich. C. Creud as ciall do mhalluchadh De? F. Binne lagh an Tighearna, a’ bagradh feirg agus breitheanais air a luchd brisidh. C. Am bheil na h uile dhaoine faoi fheirg agus malluchadh Dhe? F. Ata co fhad’ as ataid ann an staid neo’-chreidimh: ach tre Iosa Criost ata gach fior chreidmhich air an saoradh o fheirg agus o mhal- [TD 77] luchadh De agus ag mealtain a dheagh-ghean, agus a bheannuighdh sin, 1 Thess. 1. 10. Gal. 3. 9. C. Nach ’eil iad-san ata fuidh fheirg agus malluchadh Dhe, buailteach do gach gne thruaighte? F. Ata; agus gu sonruichte dhoibh sin ata air an ainmeachadh ann san fhreagra, eadhon, gach aon truaighe sa bheatha so, do ’n bhàs fein, agus do phiantaidh ifrinn gu siorruidh. C. Creud iad truaighean na beatha so, d’ am bheil sinn buailteaeh trid an leagaidh? F. Is iomad sin, mar aon ann san anam agus ann sa chorp. C. Creud iad truaighean an anama d’ am bheil sinn buailteach? F. An leithidibh sin, eadhon, mi-chreidimh, dalladh inntin, treun mhealladh, cruas cridhe, laigse cuimhne, bruid a’ pheacaidh agus an aidhbhearsoir, droch bhreathnucha’, mianna graineil, spaduchadh, agus codal coguis no oilt agus ain-earbsa, Rom. 11. 8. Eph. 4. 18. 19. 2 Thess. 2. 11. Rom. 2. 5. Rom. 1. 26. 27. 28. 2 Tim. 2. 26. Gin. 6. 5. 1 Tim. 4. 4. Isa. 32. 14. Eabh. 18. 27. C. Creud iad na truaighean chorporra d’ am bheil sinn buailteach san bheatha so trid an leagaidh? F. Amhghara agus triobloide, mar aon diomhair agus foilleasach, mar ’ta, eaflaint ann ar corpaibh, masladh ann ar ’n ainmibh, failneacha’ ann ar maoin, call cairdean, bochduinn, saruchadh, mealladh dochais, trom shaothair agus obair, mar an ceadna, gaine, cloidheamh’, plaighe, bruid, dibheirt, geur-leanmhuinn, agus an leithide sin, Deut. 28. 15. 16. 17. 10. 22. 30. 37. Gin. 3. 17. Esec. 5. 17. C. ’M bu choir do dhuine beo bhi gearan air a thruaighe? F. Cha b’ eadh, oir ’ta iad gu ceart bhreitheach [TD 78] air an legail air, agus ata pheacadh a’ toiltin n’ is measa, Caoi. 3. 39. C. Creud iad na truaighean as measa d’ am bheil am peacadh ’g ar fagail buailteach? F. Am bàs agus Ifrinn. C. Creud ata ’m bás a’ cialluch’ ann san fhreagra? F. Sgarachduin an anama agus a chuirp o cheill aig crich ar beatha. C. An d’ thug an leagadh am bàs air na h uile dhaoin’ a bha riamh air thalamh? F. Trid an leagaidh ta’ è air orduchadh do na h uile dhaoine bàs fhaghail aon uair, agus cha roibh neach riamh air a shaoradh o ’n bhinn sin, ach Enoch agus Elias a bha air an tabhairt chum neamh, gun am bàs a bhlasa. C. An ionan, am bás do na h aingidh agus do na daoine Diadhaidh? F. Cha ’n ionan, oir is smachduchadh do ’n dara h aon è, ach ’s ionad glanaidh do ’n aon ’eil’ è C. Ciod è a ghne smachduigheadh ’ta san bhàs do na h aingidh? F. ’S e righ na ’n ua’-bhas, no toiseach Ifrinn dhoibhsin è; Ata è na nathair le gath oilteil, no na theachdaire air a chur d’ an glacadh, agus d’ an giulan gu dòruinn, shiorruidh. C. Nach ’eil am bàs na smachduchadh do na daoine Diadhaihh mar na ceadna? F. Cha ’n ’eil gu direach; oir ge do se toradh a pheacaidh é, gidheadh ’ta nadur air atharracha’ do na creidmhich trid Chriost, agus ata ghath agus ua’-bhas air a chur air cul; tuille fòs, ata e fàs na charaid agus na shearbhanta dhoibh, a spianadh a pheacaidh freamh as bun, agus ’g an toirt dha-thigh chum tigh an Athar. C. Nach ’eil am bàs a’cur crioch air truaighe na h uile dhaoine? F. Cha ’n ’eil; oir ge ’ta e cnr crioch air uile [TD 79] thruaighe nan daoine Diadhaidh, gidheadh ni bheil se air achd, ach a toiseachadh truaighe nan aingidh. C. Creud iad na truaighibh d’ am bheil iad buailteach ann diadh na beatha so? F. Do phiantaidh Ifrinn gu siorruidh. C. Creud ata thu cialluchadh le Ifrinn? F. Ionad doghruinn, a dheasuich Dia air son Diabhla agus dhaoin aingidh, àit’ ann sam bi iad ann am peanas le sgrios siorruidh o lathair ann Tighearna, 2 Thess. 1. 9. C. Creud iad na nithe ann sam bheil piantaidh Ifrinn a’ co’-sheasamh? F. Ann am pian callduich, agus am pian mothachaidh. C. Ciod an ni ris an abair thu pian callduich ann Ifrinn? F. Call neamh, maille re latharachd ghlormhor an Tighearna, agus co’-chuideachd nan naomh agus nan aingeal gu siorruidh ann sin, Mat. 25. 41. Sal. 16. 11. Luc. 13. 28. C. Ciod é ris an abair thu pian mothachaidh ann Ifrinn? F. Na piantaidh agus an doghruinn ua’-bhasach a bhios an dream a theid a’ mugha ag fulang ann sin, mar aon air an corpaibh agus air an anamaibh. C. Creud iad na piantaidh bhios air an corpaibh ann ifrinn? F. Bithidh iad air an tilgeadh ann an lochan a bhios a’ losgadh le tein agus pronnasg, far am bi gul, caoidh, agus giosgan fhiacall, Mat. 13. 42. Tais. 21. 8. C. C’ ar son a deirir an dara bàs ris na piantaidh sin? Tais. 21. 8. F. Do bhri’ gu ’m bi iad san a theid a’ mugha do ghna’ ann sin, mar gu b’ eadh ann spairn a’ bhàis, ach bithidh eidir-dhealuch eidear am bàs sin agus a’ cheud bhàs ann san ni so, gu ’m bi iad [TD 80] do ghna’a bàsachadh, ach nach bi è nan comas bàs fhaghail. C. Ciod iad na piantaidh bhios air an anam ann ifrinn? F. Bithidh anamanna nan aingidh ann sin, air ball fuidh bhualadh agus sgiursadh corruich Dhe, agus bithidh chnuimh nach bàsaich gu bràth, ’gan lionadh le claoidh agus ua’-bhas, Eabh 10. 31. Marc. 9. 44. C. Creud is ciall do ’n chnuimh nach básuich? F. A’ choguis air a dusgadh, a bhios ’g am biorradh, ’g an reubadh, agus ’g an gathadh gu siorruidh. C. Cionnas a ni i sin? F. Le bhi ’g a masluchadh air son am peacaidh chuaidh seachad, agus air son dimeas a dheanamh air a chungaidh leighis a bha nan tairgse, le bhi cur nan cuimhne mead an t sonais a chaill iad, agus an truaighe tharruing iad orra fein le ’n amaideachd, agus ag sior innseadh dhoibh gu bheil tuille do’-ruinn ag teachd. Bithidh fearg De ann ifrinn do ghna’ na feirg re teachd, agus cha ’n fhead na smuainteadh so uil’ air a’ meuduchadh le coguis ain-earbsach, gun an t anam ciontach a lionadh le amhghar searbh, agus le piantaibh co do’-ruinneach a bhios ’g am biorradh air doigh nach fheadar a bhreathnuchadh san àm so, Luc. 16. 25. Eabh. 10. 26. 27. 29. C. Ciod a ghne feirg a bhios ann am fearg an Tighearna, a theid a dhortadh ’mach air na h aingidh ann ifrinn? F. Deirir ria ann san sgriobtur, corruich mhòr, fearg, boill, agus dioghaltas, a bhios garg, chumhachdach, nach fheadar cur na h aghaidh, do-fhulang, gun mheasgadh, bioth-bhuan, agus nach muchar, agus deirir teine gu tric ria, an ni as ua’-bhasaich’ air bith, Sach. 7. 12. Tais. 6. 17. 2 Righ- 23. 26. Nah. 1. Sal. 90. 11. Sal. 76. 7. Esec. [TD 81] 22. 14. Isa. 33. 14. Tais. 14. 10. Marc. 9. 43. 45. 46. &c. Eabh. 10. 30. 31. C. Cionnas ata é soilleir gu bi a chorruich a theid a dhortadh air an dream a theid a’ mugha ann ifrinn co mhor agus co ua’-hhasach? F. Do bhri’ gu ’m bi i air a dortadh air gach cumhachd agus buaidh do ’n anam, agus air gach mothach agus ball do ’n chorp; agus ata an t anam agus an corp mar aon air an deanadh fairsing agus neart mhor a ghabhail, agus a ghiulan mòran do ’n chorruich so; agus uime sin, deirir riu, “soithiche na feirge air an ull’-uchadh chum sgriosaidh,” Rom. 9. 22 C. C’ ar son a deirir fearg gun mheasgadh ria? F. Do bhri’ nach ’eil trocair air bhith na co’-chuideachd, cha ’n ’eil co’ mhothach no truaghas ga ghabhail dhiubh o laimh air bith, no a’ cho’-fhurtachd as lugha a thoirt fois dhoibh, no barrant dochais ’g an conbhail suas, cha ’n ’eil tamh no clos aca la no dh’ oidhiche, ach bithidh deatach am peine ag eirigh suas gu saoghal nan saoghal, Tais. 14. 10. 11. Marc. 9. 44. Luc. 16.24. Eoin 3. 36. C. Cionnas ata é co’-sheasamh re ceartas na h aingidh smachduchadh le peanas siorruidh air son peacaidh aimsireil? F. Ata è co’-thromach, do bhri’ gu bheil iad a’ brosduchadh an De shiorruidh, agus ag deanamh dimeas air maitheas neo’-chriochnach, agus cha ’n fhead fulangas criochnach’ na aimsireil dioladh gu brath air a shon. Ata è co’ thromach do Dhia na h aingidh a smachduchadh co fhad’ is ata è ’n a chomas, do bhri’ gu bheil iad sin a’ peacachadh co fhad is ata è nan comas san, agus ’n uair nach urra’ iad a chur ann gniomh n’ is faide air thalamh, ’ta iad ag giulan am peacaidh leo gu h ifrinn, agus a’ buanach’ ann gu siorruidh ann sin, leis am bheil iad a cur òla ris an lasair, agus ga conbhail a losgadh gu brath. [TD 82] C. Nach ’eil an fheirg so co’ ua’-bhasach as gu bheil i cur èagail air na Diabhla fein? F. Ata; oir ’ta ’n t eagal ata orra d’ a taobh a’ toirt criothnach orra, agus bhi glaodhach amach re teachd am Breitheamh. C. An d’ fhuiling Josa Criost mar dhuine an trom fhearg so air son nan daoine taghta? F. Dh’ fhuiling. C. Cionnas a bha è na chomas na bha dligheach dhoibh sin a ghiulan? F. Chum a dhiadhachd suas nadur na daonnachd faoi ’n fheirg so. C. Nach d’ oibrigh i gu h oilteil air sin ’n uair a bha è ’g a fulang? F. Dh’ oibrigh; thilg i ann spairn ro uathbhasach è, thug i air fallas fola dhortadh mar bhraona mòr, agus an t ard ghlaodh oilteil sin a leigeil, mo Dhia, mo Dhia, creud far threig thu mi. C. Nach tilg aon srad do ’n fheirg so air tuiteam air a choguis, am peacach faoi ain-earbsa ’measg gach co’ fhurtachd shaoghalt? F. Tilgidh, mar ’ta eisempleiribh Chain, Judas, Spira, agus moran eil’ ag dearbhadh C. Am bheil peanas nan aingidh uil’ ann ifrinn co’ ionnann r’ a cheile? F. Cha ’n ’eil; oir ata ionada as mo’ teas na cheil ann, do reir tomhas an cionta, Mat. 24. 51. Luc. 12. 37. C. Nach ’eil olc do-labhairt sa pheacadh’ ta cur daoin’ ann cunntart na feirg agus na truaighe so? F. Ata; feadaidh sinn mòran do olc a pheacaidh fhaicsin ann an sgathan piantaidh ifrinn. C. Ciod é bu choir dhuinn fhoghlum o theagasg nan sgriobtur thaobh na feirg re teachd? F. Mòr bhuidheachas a thoirt do Dhia a dhealbh slighe, agus a dheasuich slanui’-fhear d’ar saoradh, mar aon o ’n pheacadh agus o’ ifrinn; agus ard mheas agus gradh a bhi aguinn [TD 83] do Josa Criost a ghabh an obair o’s laimh gu toileach, agus a thainig a ghiulan ar peacaidh-ne, agus a dh fhulang na feirge so uil’ air ar soinne, 2 Cor. 9. 15. 1 Thess. 1. 10. 1 Phead. 2. 7. 24. Eoin 1. 29. Ceist XX. An d’ fhag Dia an cinneadh daonna uile do bhi caillte ann staid peacaidh agus truaighe? F. Air tagha do Dhia d’a ghean maith fein, roimh thoiseach an t saoghail, cuid eigin do na daoine chum na beatha suthain, do rinn se coi’-cheangal grasa reu, d’ an saoradh o staid an pheacaidh, agus na truaighe, agus d’an tabhairt gu staid slainte trid fear saoruidh. C. Am bheil gach aon duine air am fagail gu dol a mugha’ ann sad staid chum ’n do thuit iad? F. Cha ’n ’eil; moladh do Dhia a shollair cungaidh leighis dhuinne. C. Am bheil Dia a’ saoradh a’ chinneadh dhaoin’ uile o dhol a mugha nan staid chaillte? F. Cha ’n ’eil, ach cuid amhain. C. Co iad sin? F. Na daoine taghta. C. Co iad sin ris an abair thu na daoine taghta? F. Iad san a roghnuigh Dia do ghineil chaillte Adhamh. C. Ciod è an ni chum an do thagh Dia iad? F. Chum beatha shiorruidh. C. C’ uin’ a roghnuigh Dia an dream sin? F O uile bhioth-bhuantachd. C. Ciod a b’ adhbhar do Dhia roghain a dheanamh air cuid, agus cuid eile leigeil seachad? F. A dheagh thoil fein amhain, Luc. 12. 32. C. An d’ rinn Dia roghain air neach air bith chum beath a shiorruidh, o roimh eólas air a chreidimh agus a naomhachd? [TD 84] F. Cha d’ rinn; Cha ’n iad sin adhbhair ach toraidh an roghnaicheadh; oir thagh Dia a luchd muintir uile chum creidimh, agus naomhachd, mar na meadhona feumail chum slainte, Eph. 4. 5. 6. C. Nach bu choir dhuinn’ ar tagha a rannsuchadh, agus fheuchainn ’e ln leithid sin do thoraibh. eadhon, creidimh agas naomhachd? F. B’ eadh, 2 Pead. 1 10. 2 Thess. 2. 15. C. Creud iad na comharthaidh soilleir eile leis an aithnigh sinne mu roghnaigh Dia sinn chum beatha shiorruidh? F. Mu roghnaigh sinne Dia chum bhi na Dhia agus na chuimh-roinn dhuinne, agus mu thug sinn’ sinn fein suas dh’ a san, feadaidh sinn bhi cinnteach gu ’n do roghnaich eisean sinne ann toiseach; oir ma ’ta gradh aguinn dh’ a san, san do bhri’ gur ghradhaich eisean sinn ann toiseach, 1 Eoin 4. 19. C. Creud an doidh agus an t slighe leis am bheil Dia ag toirt nan daoine tagha chum staid slainté? F. Ann an slighe coi’-cheangail, agus trid fear-saoruidh. C. Ann an le coi’-cheangal gniomh àta è ’g an saoradh? F. Cha ’n ann, ach le coi’-cheangal gràis. C. Creud is cial do choi’-cheangal nan grás ann san fhreagra? F. Feadar a ghabhail ann dara cuid, mu choi’-cheangal nan gràs air a dheanamh re Criost o bhioth-bhuantachd ann ainm nan daoine taghta, agus ann san t seagh so, deirir gu tric ris coi’-cheangal na saorsa. No coi’-cheangal nan gràs mar rinneadh ann am e ris na daoine taght’ iad fein air dhoibh creidsin ann Criost. C. Creud e an coi’-cheangal grais no saorsa sin a rinneadh re Criost o bhio’-bhuantachd? F. Is reite ghràsmhor è a rinneadh eidear Dia an t Athair, agus Criost mar an dara h Adhamh, agus fear ionaid, nan daoine taghta, ann san do [TD 85] gheall Dia dh’ a air chumhnant eidir mheadhoin-fhearachd agus dioladh air an son, gu bithidh e gu glòrmhor air a neartuchadh, agus gum fuigheadh é duais dh’a fein, agus gràs is gloir d’a shliochd spioradail uile, agus ghabh Criost so gu h iomlan o’s laimh, Isa. 53. 10. 11. Sal. 89. 3. 4. 17. 20. &c. Eabh. 10. 5. 6. 7. &c. C. Cionnas a dh’ fheadar coi’ cheangal gràis a radh ris an choi’ cheangal sin a rinneadh re Criost, do bhri’ gu roibh umblachd iomlan do ’n lagh air iarruidh ann? F. Bu choi’-cheangal gràis è thaobh nan daoine taghta d’an roibh Criost na fhear ionaid, do bhri’ ann san choi’-cheangal so, gu do leig Dia dheth bhi ’g iarruidh umhlachd phearsonta, agus gu bheil se gabhail re umhlachd an fhir urrais nan àite. Mar an ceadna, ’ta gach beannuchadh agus ni maith ata ann, gu saor agus gun luach air an tabhairt do na daoine taghta, air bhi dhoibh sin air an gealltain air thus do Chriost ann sa cho’-cheangal sin, mar an ceann feadhna agus am fear ionaid, 2 Tim. 1. 19. Tit. 1. 2. Gal. 3. 16. C. Creud è coi’-cheangal nan gràs, mar rinneadh ann àm ris na daoine taght’ iad fein e? F. An coi’-cheangal a rinneadh re Criost air a chur ann gniomh, no air a cho’ chur ris na daoine taghta, mar ni a bhuineas dhoibh fein gu neo’-mheadhonach; agus feadar a mhinicheadh mar so, eadhon cumhnant grasmhor Dhe ann Criost re peacaich thaghta, ann am bheil è ag tairgse agus a toirt gealladh dhoibh air maitheamhnas cionta agus slainte, agus do na h uile ’ta ’g eisteachd an t soisgeil, air dhoibh creidsin ann an Josa Criost a mhac, Eoin 3. 36. Gniomh. 16. 31. C. C’ uin’ a chuaidh an coi’-cheangal so thairgse do pheacaich chaillt’ ann toiseach? F. Air ball ann diaidh an leagaidh, d’ar-ceud sinnsir ann sa ghealladh mhòr-shoisgeileach sin, [TD 86] “Bruighidh sliochd na mna ceann na n atharach,” Gin. 3. 15. C. Ann urra’ thu a nochda’ ciod è ’ta air a cheallachadh leis an ghealladh so? F. Le siol na mna, ’ta Criost air a chiallachadh, bha gu bhi air a bhreith le h oighe, leis an nathair ata ’n diabhal air a chialluchadh ris an deirir so, air son a cheilg-sheoltachd, le briseadh a chinn sin ata r’ a thuigsin gu roibh innleachd air a thilgeadh bon ois ceann: agus oibridh air an sgrios le Criost. C. Creud iad na sochairean ’ta air an gealltain ann sa choi’-cheangal so? F. Gach tiodhlac a chosain Criost, mar ’ta soillsicheadh, logha cionta, sith re Dia, saorsa o mhallach an lagha, naomhachadh, saor chomas dol a dh’ iounsuidh Dhe, sdiurradh an spioraid, buaidh air a bhàs, ais-eirigh chum beatha, agus gloir shiorruidh, Esec. 36. 25. &c. Eabh. 8. 10. &c. Eoin 3. 18. 36. Sal. 84. 11. 1 Cor. 15. 22. 57. C. Creud an cumhnant air am bheil sinne faghail coir agus sealbh air na sochairibh ata air angealladh? F. Creideamh ann an JOSA CRIOST, Gniomh. 16. 31. C. Am fead sinn’ an cumhnant so choi’-lionadh, na creidsin dh’ inn fein? F. Cha ’n fhead; ach chosain Josa Criost creidimh air ar soin’ ne, agus mar an ceadna, ’ta è ’g a ghealttain dhuinn ann san choi’-cheangal so, Eoin 6. 37. Phil. 1. 29. Eph. 2. 7. 8. Rom. 8.32.. C. Cionnas ma ’ta dh’ iarrar oirne mar chumhnant è? F. Ge ’ta creidimh air a chosnadh agus air a ghealltain mar aon, gidheadh ’ta Dia ’g a iarraidh do ghna’ mar dhleasdanas uaithne, chum ar ’n irioslachadh, agus ar tarruing chum na meadhona a ghnathachadh, agus a dh’ fhagail neo’ chredmhich gun leithsgeil, agus a theagasg dhuinn an ordugh, is an riaghail ann san toir è sochairean a choi’-cheangal so seachad. [TD 87] C. An ionam ait’ ata aig’ creidimh ann an coi’-cheangal nan gràs, is a bh’ aig umblachd ann an coi’-cheangall nan oibridh? F. Cha ’n ionann, oir bha umhlachd Adhaimh tre dh’a buanachadh ann, na cumhnant ann seadh direach, bha toirt coir dh’a air beatha, ni a dh’ fheadadh è thagradh ann lathair Dhe, chum na criche sin, ach cha ’n fheadar so a radh ann creidimh, thaobh nach h e ar creidimh ne, ach fireantachd urrais Chriost, ’ta a’ toirt coir dhuinn air beatha shiorruidh, ’s e so, agus so amhain, am barrantas leis am fead peacach fireanachadh agradh ann an lathair Dhe. C. Am feadar ma ’ta cumhnant a radh re creidimh ann an coi’-cheangall nan gràs ann seadh teann agus direach? F. Cha ’n fheadar, ach ann seadh coithcheann, is è amhain a’ mheadhon, no ’n lamh a cho’ chuir fireantachd Chriost ruinne, oir as eagmhuis so, cha ’n fhead sinn coir fhaghail air Criost agus a shocharaibh sin. Deirir gu tric ris an fhireantachd leis am bheil sinn air ar saoradh, fireantachd a chreidimh, no fireantachd tre creidimh; ar fireanach’ a thagradh, air an amhail cheadna ’s è creidimh an lamh leis am bheil i air a cur ruinne, Eabh. 11. 6. 7. Rom. 4. 13. 16. Rom. 3. 22. 24. 26. &c. Rom. 9. 30. 32. Rom. 10. 4. 6. C. Creud an t iidir dhealach’ ’ta eidear coi’-cheangal nan gniomh agus coi’-cheangal nan gràs? F. Ann san cheud choi’-cheangall do b’e an cumhnant leis an roibh duine gu bhi air fhireanachadh na deagh ghniomhartha a dheanadh è fein; ach ann san dara coi’-cheangal, ’s i fireantachd Chriost ar ’n urras-ne amhain air a gabhail trid creidimh ’ta ’g ar fireanachadh; cha roibh urras ann san cheud choi’-cheangal gu freagradh air son Adhaimh ann coi’-lionadh na bha air iarraidh air [TD 88] sin, ach ata Criost ceanguilt ann san dara coi’-cheangal air son na bheil air iarruidh oirne. C. Nach ’eil coi’-cheangal nan gràs ag iarruidh umblachd do lagh De, co mhaith re coi’-cheangal nan gniomh? F. Ata, ach cha ’n ann chum na criche ceadna, no air an doigh cheadna. Oir bha cheud choi’-cheangal ag iarruidh umhlachd mar chumhnant chum beatha fhaghail, ach ata ’n dara coi’-cheangal ag iarruidh umhlachd mar cho’ duch’ air ar creidimh, agus ar cosamhluchd re Criost: Ata cheud àon dhiu’ chum ar pearsaidh fhireanacha; an aon eile chum ar buidheachas air son gradh saoruidh a thaisbean’; ’ta cheud aon ag iarruidh umhlachd iomlan ’n ar neart fein, ach ata ’n aon eil’ a’ gabhail r’ ar ’n oirpe threimh-dhireach air umhlachd ann neart Chriost, agus ag meas umhlachd iomlan san dhuinne, chur dion air ar n anmhuinneachd, chum maitheamhnas cionta, gràs agus gloir fhaghail dhuinn. C. Nach feadar cumhnaut a radh re aithreachas gradh, fein aich-sheun’, agus naomhachd, co mhaith is re creideamh ann an coi’-cheangal nan gràs, do bhri’ gu ’m bheil iad air an iarruidh oirne? F. Ge ’taid sin air an iarruidh, gidheadh cha ’n ’eil an t àit’ aca ’ta aig creidimh, thaobh gu bheil creidimh a’ measg nan gràsa eile iomchuidh air doigh shonruichte air greamachadh re, Criost, agus a cho’ chuir fhireantachd san ruinne agus mar an ceadna chum fein speis a chur air cul, agus chum saor ghràs De arduchadh, uime siu ata Dia a’ cur onoir air creidimh o’s gach gràs eile, le bhi co tric ag ainmeachadh ar fireanachadh air, Rom. 3. 26. 27. Eoin 3. 16. 18. 36. Rom. 5. 1. Eph. 2. 8. 9. Eoin 6. 40. Rom. 4. 16. Phil. 3. 9. Luc. 7. 50. 1 Phead. 1. 5. C. Creud iad na h ainme ’ta coi’-cheangal nan grás a’ faghail ann sna sgriobtuiribh? [TD 89] F. Iad sin, eadhon, tiomnadh, coi’-cheangal sith, coi’-cheangal geallaidh, nuadh choi’-cheangal coi’-cheangal naomh, coi’-cheangal siorruidh air a dheadh riaghluchadh agus cinnteach, Eabh. 9. 15. Isa. 54. 10. Eph. 2. 12. Eabh. 12 24. Luc. 1. 72. 2 Sam. 23. 5. C. Am bheil am focal so coi’-cheangal nan grás ann san sgriobtur? F. Ge nach ’eil am focal so aguinn ann am briathraibh soilleir, gidheadh ata è aguinn gu tric am briathra d’an ionann seagh, agus thaobh gur focal cud thromach è; ata è gu ro iomchuidh air ain meachadh air a’ choi’-cheangal so. C. C’ ar son a deirir coi’-cheangal gràis ris? F. A nochdadh, gu ’m b’e saor ghràs amhain, nò trocair agus maitheas Dhe ’n taobh thal d’ar toiltèanas fein, a bhrosduich é chum a dhealbh, gur h è saor ghràs amhain ata cur impidh air na daoinibh taghta a’ ghreamuchadh ris, agus gu ’m b’e bhi ’g arduchadh saor ghràs bu chrioch mhòr dh’a, mar an ceadna, deirir coi’-cheangal grais ris, do bhri’ gur h é creidimh fein ris an abrar an cumhnant ann, saor thiodhlac gràsmhor De dhuinne, co mhaith is a chuid eile do na sochairibh luach mhor ata air an gealltain ann. Eph. 2. 7. 8. 9. Tit. 3. 5. 6. 7. Eph. 1. 4. 5. 7. Rom. 11 5. 6. 2 Tim. 1. 9 10. Phil. 1. 29. C. C’ ar son a deirir tiomnadh ris a’ choi’-cheangal so? F. Do bhri’ gu bheil gach sochair agus ni maith a ghealladh ann, gu saor air am fagail agus air an deanamh thairis do na daoine taghta, mar dhilibibh air an deanamh cinnteach dhoibh le bàs Chriost an tiomuni’-fhear, agus ann sa choi’-cheangal dh’ fhag è gràs aca chum an neartucha’ ann coi’-lionadh gach dleasdanas ata air iarruidh orra. C. Ciod e an gealladh a’s mo’ ’ta ann an coi’-cheangal nan gràs? [TD 90] F. Ata coi’-cheangal nan gràs gu h iomlan, leis gach t iodhlac ata ann, gu h aith ghearr aguinn’ ann sa ghealladh mhòr choi’-lionta sin, “Bithidh mi a’ m’ Dhia dhoibh, agus bithidh iadsan nam pobull dhamh sa,” Jer. 31. 33. Eabh. 8. 10. Ata tuilleadh ann sna briathraibh so, Bithidh mi a’ m’ Dhia dhoibh, na bhi ag sealbhachadh neamh agus na talmhuin mar aon. C. Cionnas a bhios fios aguinn ma ’ta coir aguinn’ air a ghealladh so? F. Ma bha sinn air ar neartuchadh a ghabhail re Dia mar ar Dia fein, agus ma thug sinn sinn fein suas dh’a san, feadaidh sinn sealbh air a ghealladh so agairt, do reir, Sach. 13. 9. 2 Cor. 8. 5. C. Am bheil coi’-cheangal nan grás air a dheanamh ris a’ chinneadh dhaoin’ uile mar bha coi’-cheangal nan gniomh? F. Cha ’n ’eil; oir ge ’ta è air a’ chur ann tairgse na h uile ’ta ’g eisteachd an t soisgeil, gidheadh cha ’n eil è air a dheanamh da rireadh re neach air bhith ach riu sin ata greamachadh ris. C. Nach ’eil gairm agus barrantas aig’ gach peacach, seagh aig’ an dream as measa greamachadh ris a’ choi’-cheangal so? F. Ata; mar chi sinn ann, Isa. 56. 3. 4. 5. 6. &c. Marc. 16. 15. 16. Tais. 22. 19. C. An roibh neach air bith riamh air a shaoradh air doigh air bith eile ach tre coi’ cheangal nan gràs? F. Cha roibh, Gniomh. 4. 12. Gal. 2. 16. C. An roibh na creidmhich uile saoi ’n t seintiomna air an saoradh trid an cho’-cheangail so? F. Bha; oir chuaidh fhoillsicheadh agus a thairgse dhoibh ge nach b’ ann air doigh co shoilleir as ’ta aguinne. C. Co dhiu’ bu choi’-cheangal gniomh, no gráis a rinn Dia re cloinn Israel ’n tra’ thug é mach as ann Eipht iad? F. Ge do bha an coi’-cheangal sin air a thabhairt air doigh lagha, agus air a mheasga le ua- [TD 91] mhunn chum am pobull sin irioslachadh; gidheadh b’ è cheart choi’-cheangal gràis ann suim agus briogh a bha ann, ’s a ’ta air a thairgse dhuinn ann san t soisgeil; oir b’ ionann eidir-mheadhoin-fhear agus urras a bh’ ann is ata aguinne, air a chialluchadh dhoibh le Maois agus na h iobairte; b’ ionann, geallanna maitheamhnais cionta, gràis agus gloir trid fuil a’ Mhisiah, ris an roibh àithn’ aca amharc tre creidimh faoi na samhluighean agus na h iobairte chum sireanachadh agus slainte bha aca as ata aguinne, Sal. 2. 12. Is. 45. 22. Isa. 42. 1. 2. 4. 5. 6. 7. Esec. 11. 19. 20. Esec. 36. 25 26. 27. Ecsod. 12. 22. 23. Air. 21. 7. 8. Lebh. 1. 4. Ecsod. 24. 7. 8. C. Nach bu choir dhuinn mòr bhuidheachas a thoirt do ’n Tighearna le ’r ’n anamaibh, chionn gu bheil frithealadh aguinn’ do choi’-cheangal nan gràs ata moran ni as spioradail, agus n’ is soilleireadh na bhi’ aig’ na creidmhich faoi ’n t seiatiomna’? F. Bu choir. C. Creud an staid as am bheil Dia a’ tabhairt nan daoine taghta trid coi’-cheangal nan gràs? F. A’ staid pheacaidh agus truaighe. C. Am bheil na daoine taghta ann staid peacaidh agus truaighe, co mhaith re càch, gus am bheil Dia gu trocaireach ’g an gabhail a steach ann an cuing a choi’-cheangail fein? F. Ata; oir ’ta è air innseadh dhuinn, ’n tra’ ’ta Dia ag amharc orra le suil truacantais, agus a’ deanamh coi’-cheangail riu gu ’m bheil è ’g an faghail ann an staid ghraneil ag eabradh ann an fuil agus salachar, agus thaobh naduir nan cloinn na feirge eadhon mar chàch, Esec. 16. 5. 6. 8. Eph. 2. 1. 2. 3. C. Creud an staid chum am bheil Dia ’g an tabhairt trid a’ choi’-cheangal so? F. Chum staid slainte. C. Creud i an staid so? [TD 92] F. Is staid thearuint i ann san fas agus am buanaich iad ann sonas, gus an rig iad air sonas lan agus iomlan ann àm iomchuidh. C. Cia trid am bheil é ’g an tabhairt chum na staid slainte so? F. Trid fear saoraidh. Ceist XXI. Cia è is fear saoruidh do phobull taghta De? F. Is è is aon fhear-saoruidh do phobull taghta Dhe, An Tighearna Iosa Criost amhain, neach air bhi dh’ a na Mhac siorruidh do Dhia do rinneadh é na dhuine; agus mar sin ata se ag fantain na Dhia agus na dhuine, ann da nadur eider-dhealuighte, agus ann aon phearsuin am feast. C. Creud ata thu cialluchadh lc fear-saoruidh? F. Neach a bhitheas a’ tabhairt eiric chum dream eile fhuasgladh o bhruid, no o dhaorsa, mar ’ta Criost a’ deanamh thaobh pheacach thaghta. C. Cionnas ata è soilleir gu ’m bheil Criost na fhear saoruidh air an doigh so? F. Do bhri gu bheil è gu tric air ainmeachadh mar so ann sna sgriobtuir, agus uime sin deirir gu d’ thug è anam mar eiric air son mòran, Job 19. 25. Is. 54. 5. Is. 60. 16. Jer. 50. 34. Matth. 20. 27. C. Am bheil pobull taghta De fein ann bruid thaobh naduir? F. Ata. C. Cread a’ ghne thrallealachd fui’ ’m bheil iad? F. Is traillealachd spioradail i; ataid ’n am priosuinnich ann an lamhan ceartais De; air an diteadh gu † gaintir ifrinn: mar an ceadna, ataid faoi bhruid agus nan traillean do ’n pheacadh agus do ’n diabhol. † priosun [TD 93] C. Cionnas ata Criost ag saoradh a luchd muintir o ’n traillealachd san? F. An cuid le bhi ’g an ceannach le prìs, agus ann cuid eile le buaidh no cumhachd. C. Cionnas ata Criost ’g an faoradh o lamhan ceartais De? F. Cha ’n ann le h airgiod, no h òr, ach le fhuil phriseil fein, 1 Phead. 1. 18. 19. C. Cionnas ata Criost a’ saoradh a phobuil thaghta fein o bhruid an diabhuil agus a pheacaidh? F. Le mhòr chumhachd, a toirt buaidh air an naimhde, agus ag ceansuchadh, an anamaibh dh ’a fein, Eph. 4. 8. Col. 2. 15. Sal. 110. 3. C. Nach h è Criost an duin’ a’s treise ’ta toirt buaidh air an duine laidir agus a’ roinn a chreich sin? F. ’S é, Luc. 11. 21. C. Nach è Criost ata ag toirt a’ s a phobuill o rib an diabhol aig’ an roibh iad air am beo ghlacadh chum a thoile? F. ’S é 2 Tim. 2. 26. C. Cionnas a bha na daoine taghta air an saoradh o pheacadh, agus o ifrinn, a dh’ eug m’ an do dhoirt Criost fhuil? F. Trid fearta na reite bha eidear an t Athair agus a Mac o uile bhio’-bhuantachd; bha fearta fola Chriost dol air a h ais gu n uig na creidmhich o thoiseach an t saoghail, co mhaith as ata i ag righeachd air a h aghaidh chum nan creidmhich gu deire an a saoghail, amhail is mar ni fear urrais le bhan ata ag saoradh duin’ o phriosun, fada m’ an diol è ’n t ain-fhiach. C. Am b’ urra’ aingle na daoine’ a leithed so do fhear saoruidh a dheasuchadh dhuinne? F. Cha b’ urra’ no neach air bith eile ach an Dia ’ta neo’-chriochnach ann gliocas, b’ e ghairdein fein a thug m’ an cuairt an t slainte so. Isa. 59. 16. [TD 94] C. Creud an t ainm ata aig’ ar fear saoruidh’ ne? F. An TIGHEARN’ IOSA CRIOST. C. C’ ar son a deirir an TIGHEARNA ris? F. Do bhri’ gur eiseau JEHOBHA mar ata è na Dhia, agus mar eider-mheadhoin fhear chosain è le bhàs ard-Thighearnas, agus uachdranas ois-cionn gach aon ni air neamh agus air thalamh, Mat. 28. 18. Phil. 2. 8. 9. 10. C. C’ ar son an deirir JOSA ris? F. Do bhri’ gu ’m bheil è saoradh a phobuill o ’m peacaidh, Matth. 1. 21. Is è as seagh do’ n fhocal slanui’-fhear agus b’ e so an t ainm a fhuair è o’ n aingel a thug fios a bhreith roimh laimh. C. Creud an ni ann san pheacadh ata an t Josa ghlormhor so ag saoradh a phobuill uaithe? F. Ata è ’g an saoradh o shalachar agus o chumhachd an pheacaidh, mar an ceadna, o ’n chionta agus o ’n smachduchadh, agus faidheoigh o bhith a’ pheacaidh an taobh stigh dhuibh, C. C’ ar son a deirir CRIOST ris? F. Do bhri’ gu ’n d’ ungadh le Dia è, is ionann do ’n fhocal ghreugach Criost, is do ’n fhocal Eabhrach Messiah, ata mar aon ag cialluchadh ungaidh. C. C’ ar son ata é ag faghail an ainm so? F. Do bhri’ gu roibh e air a choisreagadh gu tri oifige mar Eider-mheadhoin-fhear, eadhon oifig Faidh, Sagairt, agus Righ, na h oifigibh chum an roibh daoin air ann cuir air leath gu cràbhach faoi ’n lagh agus air an ungadh le h òla. C. An roibh Criost air ungadh le h òla chum nan oifigibh sin? F. Cha roibh, ach leis an spiorad naomh thar tomhas, leis an roibh ’s e air a chuir air leth, ughdarras air a thabhairt dh’a, agus air a dheasuchadh gu coi’-lionta chum nan oifigibh so chur an gniomh d’a eaglais, Sal. 45. 7. Eoin 3 34. [TD 95] C. Am bheil fear saoruidh air bhith eil’ ann ach an Tighearna Josa Criost? F. Cha ’n ’eil, ’s eisean amhain an aon fhear saoruidh. C. Ach, ge do ’s è Criost an aon Eidir mheadhon-fhear amhain chum saoruidh, nach fhead Eidir-mheadhoin fheara eile bhi ann air son eidear-ghuidhe? F. Cha ’n ’eil ann sin ach eidir dhealuch’ a dhealbh na Papanaich chum cuid do ghloir Chriost a roinn re ainglibh, agus re naoimh, mar ann ann obair na saorsa, gidheadh ann a eidear-ghuide. Ach mar is è Criost aon fhear saoruidh ’mhain, is eisean an aon fhear tagraidh amhain maille ris an Athair, oir ata fhuil luachmhor feumail chum bhi na steigh do ’n dara h aon co mhaith ris an aon eile. C. Co d’ a Mac Criost? F. ’S e Mac De è. C. Nach ’eil cuid eile ris an abrar clann De ann san sgriobtur thuilleadh air Criost? F. Ata, chi sinn gu ’n abrar clann De ri ainglibh, re Adhamh, ris na creidmhich, Job 38. 7. Luc. 3. 38 1 Eoin 3. 1. agus sin an dara cuid thaobh an cruthachaidh gu neo’-mheadhoineach le Dia, no thaobh an uchdmhacahd chum a theaghluigh sin. C. Cionnas ma ’ta ata Criost na mhac do Dhia air doigh nach ’eil neach air bith eile? F. Is è Criost Mac De thaobh naduir, agus o uile bhio’-bhunantachd, agus uime sin deirir Mac siorruidh Dhe ris. C. C’ ar son nach gabhadh Dia neach bu lugha chum bhiodh na fhear saoruidh dhuinne? F. Chum ’s gu ’m bithidh gloir a cheartais air a taisbean, agus ar saorsa’ ne air a deanamh eifeachdach, Cha ’n fheadadh ceartas neo’-chriochnach, bhi air a ghloruchadh le eiric chriochnach, uime sin ata è air a radh. gu roibh fuil [TD 96] Chriost air a dortadh chum fireantachd De fhoillsicheadh, Rom. 3. 25. C. Cia lion nadurra ’ta aig’ Criost. F. Dias eadhon, nadur Dhia, agus nadur an duine. C. Cia lion pearsa ’ta aige? F. Aon phearsa. C. Am bheil an da nadur sin ann Criost air a’ measgadh ’n a cheile? F. Cha ’n ’eil; ataid eidear-dhealuichte’ gun mheasgadh no truailleadh mar bha cuid do na sein † eiriceach ag cur rompa. C. Creud iad na sein eireceach mu nadurra agus pearsa Chriost ata air am bacadh ann san fhreagra? F. A ’ta ceither saobh-bhar’ aile ann’ a bha air an diteadh le ceithir comhairle coitcheann. 1. Arius agus a luchd-leanmhuin bha ag aich-sheun siorrui’-eachd Chriost mar Dhia; agus uime sin, ata è air a radh, gur Dia è agus sin o uile bhioth-bhuantachd. 2. Dh’ aich-sheun Marcion agus a luchd-leanmhuin firinn naduir Chriost mar dhuine ag radh, nach roibh ann amhain ach cosamhlachd duine, ach ata am freagra ag innseadh gu ’n d’ fhas e ’n a dhuine, na fhir-dhuine- 3. B’ aill le Eutychus agus le luchd-leanmhain, an da nadur choi’-measgadh agus a thrualleadh, chum an deanamh ’n an aon, agus uime sin, ata e air radh gu bheil da nadur eider-dhealuight’ aige. 4. Bha Nestorius agus a luchd leanmhnin ag sgarthadh da nadur Chriost, chum a dheanamh ’n a dha phearsa; uime sin, ata e air innseadh gu ’m bheil an da nadur’ air an aonacha air achd is nach ’eil iad ag deanamh ach aon phearsa. C. Am bheil Criost na fhior Dhia, coi’-ionann siorruidheachd, coi’-ionann, nadur’, agus coi’-ionnan iamhe ris an Athair? F. Ata; mar ’ta é soilleir o na sgriobtuiribh † luchd mearachd [TD 97] Eoin 10. 30. Phil. 2. 6. Faic so air a cho’-duchadh gu coilionta ann am mineachdh na seathadh ceist. C. Cionnas ata thu ag dearbha’ gu bheil Criost na fhior dhuine co mhaith is na fhior Dhia? F. Ata na cot-chaibh nadurra aige ’ta deanamh suas duine, eadhon fior chorp, agus Anam riossunta: bha è ocrach; dh’ ith agus dh’ òl è, chodail è, bha à faoi fhallas, dh’ fhuiling è, dhoirt s è fhuil, agus dh’ eug è. C. An roibh è na dhuin’ o uile bhioth-bhuantachd? F. Cha roibh. C. C’ uin’ a dh’ fhas Criost na dhuine? F. Ann an iomlanachd na h aimsir ’n uair a bha an t slat rioghail air dealuchadh re Judah, ann sin bha corp air ull’ uchadh dh’ a, air bhi air a ghineamhuin am broinn na h oighe Muire agus air a bhreith lea air doigh iongantach, Gal. 4. 4. Eabh. 10. 5. Luc. 2. 1. 2. &c. C Ciod an uine bha eidir teachd Chriost ann san fheoil, agus a’ cheud ghealleadh a fhuair ar ceud sinnsir dheth? F. Mu thimchioll ceithir mile bliadhna. C. C’ ar son a chuir Dia dail ann an coi’-lionadh a gheallaidh co fhada? F. A thoirt mothachaidh do pheacaich chaillte air fearg Dhe ann aghaidh a’ pheacaidh, agus air an staid thruagh chum an d’ thug iad iad fein, agus nach roibh è ’nan comas iad fein a shaoradh gu brath, agus mar an ceadna, a theagasg dhoibh feitheamh gu foighidneach air coi’-lionadh a chuid eile do gheallaibh De da eaglais sin. C. Co lion bliadhna o na thainig Criost a dh’-ionnsuidh an t saoghail? F. Feadaidh sinn fios a bhi aguinn air sin ann san bhliana ’ta lathair noch as i 1799 oir ’s e sin doidh air am bheil na bliadhnaibh air an aireamh a’ measg nan Criostuidhean, o na rinneadh Dia na dhuine. [TD 98] C. C’ ar son a bha é feumail gu ’m bithidh ar fear-saoruidh-ne na fhior dhuine? F. Chum ’s gu ’m bithidh è na dhlu-charaid dhuinn’, agus gu bithidh coir na saorsa air a cur na laimh sin, agus gu bithidh è comasach a dhortadh fhola agus a dh’ fhulang bais ann ar ’n ionad-ne, oir as eagmhuis dorta’ fola ni bheil maitheanas r’a fhaghail, Ruth 4. 3. 4. Eabh. 9. 22. C. C’ ar son a bha è feumail gu bithidh ar fear saoruidh-ne na fhior Dhia? F. A chonbhail suas nadur na daonnachd, agus ’g a choimhid sin o thuiteam fuidh fheirg Dhe agus fuidh chumhachd a bhàis, agus a dheanamh fhola, agus fhulangais leoir fhoghainteach agus eifeachdach chum dioladh thoirt do cheartais De, agus a chosnadh slainte dhuinn. C. Am bheil an da nadur’ ann Criost ’g a dheanamh ’n a dha pearsa? F. Cha ’n ’eil. C. Cionnas nach fhead è gun bhi ach na aon phearsa, thaobh gu bheil é mar aon na Dhia agus na dhuine? F. Le nadur na daonnachd bhiodh ag fantain ann am beatha ann aonachd ris an dara pearsa do ’n Trionaid ghlòrmhor. C. C’ ar son a bha é feumail gu gabhadh an dara pearsa nadur na daonnachd air fein, air achd is nach bithidh ar fear saoruidh-ne ach na aon phearsa? F. Chum ’s gu ’m bithidh fhulangais; air a mheas mar fhulangais aon a bha da rireadh na Dhia, ge nach roibh iad ach air nadur’ na daonnachd, agus mar so gu ’m bithidh luach neo’-chriochnach ionnta a shaoradh an t saoghail chailte. C. Creud a deirir ris an aonachd so? F. Aonachd phearsonta; ach is diomhaireachd co mhor so as nach fead aingeal no daoin’ a thuigsin. C. Cia fhad a mhairtheas an aonachd so? [TD 99] F. Gu siorruidh. C. An bheil Criost ag fantuin na Dhia agus na dhuine do ghná air nenmh? F. Ata. C. Nach ’eil nadur’ na daonachd gu mòr air arduchadh leis an aonachd phearsonta so? F. Ata. C. Nach ’eil adhbhar aguinn a radh le iongantas a Thighearna, creud è na duine gu ’m bheil thu ’g a chuimhneach air an doigh so? F. Ata; oir is iongantach am freasdal bhi ag nochdadh urrad meas do ’n duine ann diaidh dh ’a tuiteatm ’n uair a chuaidh è seachad air na h aingeal a thuit. C. Ma thog Criost ar nadur-ne co ard, nach bu choir dh’a so ar brosduchadh a sheachnadh ainmianna bruideil, agus toil inntin fheolmhor leis am bheil ar nadur’ air a shalachadh? F. B’ eadh. C. Nach bu choir dhuinn gu suilbhear bhiodh ag deanamh, a’ fulang, agus bhi air ar ’n irioslachadh air son Chriost, a chrom co iosal a ’s gu d’ fhás è ’n a dhuine air ar soin ne? F. B’ eadh. Ceist XXII. Air bhi do Chriost na Mhac do Dhia, cionnas do rinneadh è n a dhuinne? F. Do rinneadh Criost Mac Dhe na dhuine, le corp fior agus anam riosunta do ghabhail chuige fein; air bhiodh dho le cumhachd an Spiorad Naoimh air a ghabhail am broinn Muire no h Oighe, agus air a bhreith lea, gidheadh as eagmhuis peacaidh. C. Ann an gabhail ar naduir-ne, ’n do ghabh Criost air fein na cot chaibh nadurra uile bha feumail dheanamh suas duine? [TD 100] F. Ghabh è, eadhon, fior chorp, agus anam riosunta. C. C’ ar son a deirir fior chorp ris? F. A nochdadh nach bu tannas cuirp a bha ann, no ’mhain cruitheachd agus cosamhlachd cuirp, mar bha cuid do na sean eiriceach a’ cur rompa, ach gu ’n do ghabh è fior chorp do fheoil agus do fhuil mar ’ta aguinne, Luc. 24. 39. Eabh. 2. 14. C. ’N do sheasamh nadur no diadhachd àite anama do Chriost? F. Cha do sheas’ ge do bha cuid do luchd saobh bhar’ ail ag teagasg sin. Ghabh è anam riosunta co maith re fior chorp. Is. 53. 10. Matth. 26. 38. C. An d’ thug Criost a chorp no fheol o neamh? F. Cha d’ thug; b’ e siol na mna è, Gin. 3. 1 C. An roibh bhreith Chriost cosmhuil re breith dhaoine eile? F. Cha roibh; oir bha è air a bhreith le h Oighe as eagmhuis Athar talmhaidh, Is. 7. 14. Mat. 26. 38. C. Cionnas a dh’ fheadadh sin bith? F. Bha è air a ghinemhuin gu miorbhuileach le cumhachd an Spiorad Naoimh ann am broinn na h Oighe Muire, Luc. 1. 34. 35. C. Co an duthaich, treabh, no teaghlach o ’n d’ thainig Criost, mar bha é ’n a dhuine? F. Trid a mhathar Muire, thainig è do ’n chinneach Judhach, o threabh Judah, agus o theaghlach Dhaibhi, Luc. 1. 69. C. Ma bha mathair aig ’Criost cionnas a bha Melchesedec mar chomharth’ air, mar ata è air aithris gu roibh é gun Athair agus gun Mhathair, Eabh. 7. 3.? F. Do bhri’ gu roibh Criost gun Athair mar dhuine agus gun mhathair mar Dhia. C. C’ ar son a bha è air a ghineamhhin agus air a bhreith le h Oighe? [TD 101] F. A choi’-lionadh fai’-dearachd nan sgriobtuire ma thimchioll, chum a choimhid saor o-pheacadh gin, ata teachd air sliochd Adhaimh uile tre ginealach nadurra. C. Cionnas a dh’ fheadadh è bhi saor o pheacadh thaobh gu ’n d’ rugadh le mnaoi pheacaich è? F. Do naomhaich an Spiorad Naomh gu miorbhuileach urrad do * thabhachd na h Oighe a’s a dhealbh corp Chriost, noch ris an abrar uime sin, an ni naomh bha gu bhi air a bhreith lea, Luc. 1. 35. C. C’ ar son a bha è feumail gu ’m bithidh Criost air a ghineamhain agus air a bhreith saor o pheacadh? F. Mar bithidh è gun smal no truaill’-eachd, air bhith, cha ’n fheadadh é bhi ’n a iobairt thaitneach do Dhia air son peacaidh: ni mo dh’ fheadadh fhireantachd bhi’ iomlan air doigh neo’-chriochnach, mar bha feumail chum a’ meas do gach creidmhich air son saorsa, Lebh. 3. 1. 6. Jer. 23. 6. 2 Cor. 5. 21. Eabh. 7. 26. 27. Air. 28. 3. 1 Phead. 1. 19. C. Nach ’eil sinn aig leaghadh gu ’n d’ thainig Criost ann án cosamhlachd feoil pheacàch? Rom. 8. 3. F. Ni bheil sin ag cialluchadh gu roibh è da rireadh air a thruailleadh le peacadh, ach amhain gu roibh è ann an cosamhlachd feoil pheacach, le co’-pairt a ghabhail do gach anmhunneachd ann ar nadur-ne ’ta teachd ann lorg a pheacaidh, ge ’ta iad neo’-lochdach ionnta fein. C. Creud iad na h anmhuinneachda neo’-lochdach sin? F. Sgios, Codal, Gul, Bròn, Fulangais, dortadh fola, Fallas, Bàs agus an leithidh sin. C. Nach d’ fhuiling Criost air son peacaidh? F’ D’ fhuiling; ach cha b’ ann air son aon pheaca’ ann fein; oir bha è air a lot’ air son ar’n- * substaint. [TD 102] eacoir-ne, agus air a bhualadh air son ar ’n aingidheachd-ne, Isa. 53. 5. C. Nach bu choir dhuinn’ ar ’n uile dhicheall a dheanamh ann bhi cosmhuil re Criost ar ceannard agus co fhad a’s ata è ’n ar comas bhi as eagmhuis a pheacaidh? F. Bu choir, 1 Phead. 2. 21. 22. 23. &c. Ceist XXIII. Cia iad na h oifigeadh ’ta Criost ag cur ann gniomh mar ar fear saoruidh-ne? F. Ata Criost mar ar fear saoruidh-ne ag cur ann gniomh oifigeadh Faidh, Sagairt, agus Riogh, mar aon ann staid irioslaiche, agus arduiche. C. Nach deirir ris na tri oifigeadh sin oifige eidir-mheadhoin fhearachd Chriost? F. Deirir, oir is tri meanglain iad do oifig eidir-mheadhoin-earachd Chriost, ann sam bheil e ann sgach aon fai-leth dhiu’ ag coi’-lionadh na ghabh è o’s laimh, le bhiodh ag seasamh eidir Dia agus sinne, agus ag deanamh air son De ruinne, agus air ar soin-ne re Dia. C. C’ ar son ata oifig eidir-mheadhoin-earachd Chriost na tri meanglain? F. A fhreagradh air son truaighibh a phobuill, ain-eòlas, cionta, agus traillealachd, oir mar ata è na fhaidh ’ta è ag leigheis ar ’n ain-eòlas-ne le theagasg neamhaidh, mar ata è na shagairt ata è toirt dioladh air son ar cionta le iobairt dhe’ fein, agus mar ata è n a riogh ’ta è ’g ar saoradh o thraillealachd le chumhachd, agus ’g ar suidheachadh fuidh dheadh riaghail sin. C. Creud ata thu cialluchadh le Criost a bhi cur ’n an oifigeadh so ann gniomh? F. Gu ’m bheil è coi’-lionadh gach ni a bhuineas gu sonruichte d’a n leithid sin do oifigibh. [TD 103] C. ’N do ghabh Criost na h oifige so air fein gun ghairm? F. Cha do ghabh; bha è gu dligheach air a ghairm chum gach aon dhiu’ leis an Athair, a chuir gach cumhachd agus breitheamhnas ann a laimh sin; agus uime sin, deirir CRIOST an TIGHEARNA ris, Mat. 28. 18. Luc. 2. 26. Eoin 5. 27. C. Cionnas ata é soilleir o ’n sgriobtur, gu bheil Criost air a ghairm, agus air orduchadh leis an Athair, chum bhi’ na fhaidh, na shagairt, agus na riogh? F. Ata so leoir shoilleir o na tri teagsa so-thuigsin a leanas, Gniomh. 3. 22. Eabh. 5. 6. Sal. 2. 6. C. An d’ fhuair duine riamh an Onoir bhiodh air a sgeuducha’ leis na tri oifigibh so, faidh, sagairt, agus riogh, ach an Dia-dhuin’ Chriost? F. Cha d’ fhuair; oir ge do bha Melchisedec na Righ, agus na Shagairt, gidheadh cha roibh è na Fhaidh; bha Daibhi na Righ agus na Fhaidh, gidheadh cha roibh è na Shagairt; bha Samuel na Shagairt agus na Fhaidh, gidheadh cha roibh è na Righ. Agus ata so nochda’ dhuinne gu bheil na samhluighean, agus na sgailibh ag teachd gaoirid gu mòr air an ni ’ta air a chiallachadh leo. C. Nach h iad oifigeadh Chriost fai-leth am fior thobar o ’m bheil geallanna an nuadh choi’-cheangail gu leir ag srutha? F. ’S iad; ata geallanna teagaisg, soillsicheadh, agus sdiuraidh ag srutha o oifig faidhdeorachd Chriost; ata geallanna maitheanais, sith agus slanuchaidh a’ srutha o oifig sagairteachd sin; agus ata geallanna fuasglaidh, tearmun, gràs agus gloir ag teachd o oifig rioghail sin. C. Nach ’eil na tri oifigeadh ’ta aig Criost ’g a dhennamh na fhear cuidich roi’-iomchuidh, agus na chungaidh leighis iomlan air son gach doilghios leatrom agus feum faoi ’m bheil a luchd muintir? F. Ata. C. Am fead duine gabhail re Criost ann aon d’ a oisigibh, agus gun ghabhail ris ann sgach aon dhiubh? [TD 104] F. Cha ’n fhead; oir cha ’n ’eil ach cealgoirean ann ta sin, leis am b’ aill oifigean Chriost a sgaradh o cheile, agus gabhail ris ann an cuid dhiubh; oir co air bith leis am b’ aill tairbh fhaghail o aon do oifigibh Chriost, ’s eigin dh’a gabhail ris ann ’sgach aon dhiubh. C. Co an staid ann sam bheil Chriost a’ cur nan tri oifigean so ’n gniomh? F. Ata è ’g an cuir ann gniomh mar aon ann a staid irioslachaidh, agus ann a staid arduchaidh. C. Creud ata thu ciallachadh leis an da staid sin Chriost? F. Le a staid irioslachaidh, ’ta me tuigsin an doigh iosal, agus amhgharach ann san roibh Criost air thalamh; agus le a staid arduchaidh, an inbhe ard, agus ghlormhor ann ’s am bheil è noise air neamh. C, Cionnas a chuir Criost oifigean gu leir ann gniomh ann a staid irioflachaidh? F. 1. Chuir è oifig Faidh ann gniomh le Mhinistreileachd phearsonta air thalamh, agus le bhi cur amach a Dheisciobuil a theagasg an t saoghail ann an slighe na slainte. 2. Chuir è oifig Sagairt ann gniomh, ann è fein a thoirt suas mar iobairt air a’ chrann cheusaidh, agus ann bhi’ re urnaigh air son a luchd muintir. 3. Chuir è oifig Righ ann gniomh, le bhi’ sgaoileadh a reachduibh feadh an t saoghail agus ann a minicheadh, ann glanadh an teampuill, agus ann a’ marcachd le luath-ghaire gu h Jerusalem. C. Cionnas ata Criost ag cur nan oifigeadh sin anois ann gniomh ann a arduchaidh? F. Ata è cur oifig faidh ann gniomh, le bhiodh ag sgeuduch’ agus a’ cur amach a shearbhanta a theagasg an t saoghail. 2. Ata é cur oifig sagairt ann gniomh, le bhi’ deanamh eidear-ghuidhe air son a luchd muintir. 3. Ata è cur oifig righ ann’ gniomh le bhi † fuagradh a reachdaidh, ag ceannsach a naimhde; agus a riaghluch’ eaglais sin. [TD 105] C. Nach do chuir è h aon do na h oifigibh so ’n gniomh, m’ un roibh è air irioslachadh, agus airis air arduchadh? F. Air bhiodh do Chriost air a sgeuduchadh leis na tri oifigibh so trid fearta coi’-cheangail na saorsadh, thoiseach è r’ an cuir ann gniomh air ball ann diaidh an leagaidh, agus chuir è ’n gniomh iad co fhad as cheaduich an staid an roibh è m’ an d’ rinneadh na dhuin’ è dh’a so a dheanamh. Ceist XXIV. Cionnas ata Criost ag cur oifig faidh ann gniomh? F. Ata Criost ag cur oifig faidh ann gniomh, ann toil De chum ar slanuiche fhoillseacha’ dhuinne le fhocal, agus le a Spiorad. C. Creud ata thu cialluchadh le faidh, agus le oifig sin? F. Aon d’ an obair an dara cuid, bhiodh ag roimh-innseadh nithe re teachd; no bhi ag teagasg toil De do pheacaich, agus a mineach’ fhocail sin dhoibh. C. Am bheil Criost ’n a fhaidh air gach doidh dhiu’ sin? F. Ata. C. Ciod ata sinn a’ leaghadh mu fhaidh-doireachd Chriost, no thaobh a roi’ innseadh nithe re teachd? F. Dh’ innis è roi’ laimh gu ’m brathadh Judas è, gu ’n aich-sheunadh Peadar e, gu treagadh a Dheisciobuil uil e, an doidh air am fulainge è ’m bàs, gu ’n eirigh è air an treas la, sgriosadh baile agus teampuill Jerusalem, a ghearleanmhuin a dheantadh air a Dheisciobluibh, gairm na geintileach, &c. Mat. 26. 23. 31. 34. Mat. 20. 18. 19. Luc. 19. 44. Mat. 24. 2. Eoin 16. 2. Mat. 21. 42. C. Creud iad na nithe eile leis an do chuir Criost oifig faidheadoireachd ann gniomh? [TD 106] F. Rinn è so le mhinistrealachd phearsonta agus le bhi teagasg toil De do pheacaich fhad ’s a bha e air thalamh, agus le bhi cur amach Abstola, agus an dream a thainig ’n an, diaidh d’ an teagasg, agus le bhiodh ag soillsich’ inntine luchd eisteachd an t soisgeil le Spiorad, a thuigsin agus a ghabhail tlachd do nithe spioradail. C. Ciod am feum a bha air faidh co fhad’ thar chach re Josa Criost a theagasg toil De dhuinne? F. Do bhri, an dorchadais thiugh, agus an doille thainig oirne leis a cheud leagadh; agus thaobh nach roibh neach air bhith ach eisean a bha’n uchd an Athar o uile bhio’ bhuantachd comasach air-rùnaibh diomhair an t soifgeil fhoillsicheadh dhuinne, Eoin 1. 18. Gniomh. 26. 18. C. An roibh Criost a’ cur oifig faidheadoircachd sinn ann gniomh fuidh ’n t sein tiomna’ co mhaith is san ’n tiomna’-nuadh? F. Bha; oir bha bith aige m’ an d’ rinneadh na dhuin’ e, agus theagaisg e eaglais o shein. C. Cionnas ata sin soilleir? F. Leis an sriobtuir naomha ’ta ’g innseadh dhuinn’ gu roibh Criost le a Spiorad ann am faidhean at t sein-tiomnuidh; gu do shearmonaich e ann an laithe Noah, do na spioradaibh ’ta ’n oise ànn am priosun; gu ’n do labhair e re Maois agus re clann Israel ann san fhasach, agus gu roibh e air a bhuaireadh leo san ann sin, 1 Phead 1. 11. 1 Phead. 3. 19. Gniomh. 7. 37. 38 1 Cor. 10. 9. C. Creud iad na nithe ann s am bheil Criost a’ toirt barr air gach faidh eile? F. Do bhri gu ’r h e Criost a thug ughdarras dhoibh sin uil’, agus ann bhi ag teagasg a’ chridhe co mhaith ris a’ chluais, cha do theagaisg faidh, riamh le urrad ughdarais, cumhachd, gliocais, saothair, treimh-dhireachd, eadmhorachd, agus truacantais re Criost; ni mo a dhaingnicheadh an teagasg san le miorbhuile agus naomhachd beatha cosmhuil re Criost, Mat. 22. 16. 22. 34. 49. Luc. [TD 107] 4. 22. Mat. 7. 28. 29. Eoin 7. 46. Luc. 24. 32. 45. Eoin 15. 24. Eoin 8. 46. C. Creud iad na meadhona leis am bheil Criost ag teagasg toil De dhuinne? F. Ata è ’g a dheanamh so le fhocal o ’n leath muigh; agus le spiorad o ’n leath stigh. C. C’ ar son a deirir focal Chriost ris na sgriobtuire Col. 3. 16. F. Ge do ’s iad sin focal an Athar agus au Spioraid naomh mar an ceadna, gidheadh ’s è focal Chriost air doigh shonruight iad, do bhri’ gu ’m bheil è labhairt leo mar eidir-mheadhoinfhear ann ainm Dhe; agus a cur oifig faidh-eadoireachd ann gniomh chum eaglais fein a theagasg. C. An ann le leaghadh an fhocail amhain ata Criost a’ teagasg eaglais sin? F. Ata è ’g a teagasg mar an ceadna le searmonachadh agus le eisteachd an fhocail, agus uime sin, dh’ orduigh è Aodhairibh chum na sgriobtuire a mhinicheadh, agus le so a theagasg na h eaglais gu deireadh an t saoghail, Mat. 28. 19. 20. Neh. 8. 8. Rom. 10. 14. 15. 16. 17. Sean. 8. 54. C. Am bheil am focal leoir fhogainteach a theagasg toil De dhuinn’ a’s eagmhuis an Spiorad? F. Cha ’n ’eil; oir ge ’ta na sgriobtuir ann ’ta fein ’n an riaghail leoir fhoghainteach d’ ar seoladh, gidheadh ata dorchadas, ar ’n innin-ne co mhòr as nach fhead sinn firinneadh neamhaidh a thuigsin, no ghabhail air doidh shlainteil as eagmhuis soillsicheadh an Spioraid, 1 Cor. 2. 14. C. Cionnas ata ’n Spiorad ag teagasg toil De dhuinue? F. Ata ’s è gar teagasg ann san fhocal, agus leis an fhocal, ag toirt soluis o ’n leath stigh, ag sgriobhadh a reachdaibh air ar ’n anamaibh agus ag cur dha-thigh firinne spioradail air a choguis. C. Creud iad na nithe sonruichte ’ta ar faidh luach-mhor ag teagasg do pheacaich le a Spiorad? [TD 108] F. An leithidibh sin, eadhon, an t olc mòr ata ’s a pheacadh, truaill’-eachd bhrònach ar naduir-ne, an fhearg ua’-bhasach ata sinn ag toiltin, ar neo’-chomas air sinn fein a theasairgin, iomlanachd cumhachd slanuighe Christ, oirdheirceachd an nuadh choi’-cheangail, am feum ata aguinn air fireantachd urrais Chriost, agus air oibreacha an Spiorad air ar anama, maille re creidimh agus naomhachd. C. Nach ’eil an Spiorad leoir fhoghainteach a theagasg ’n an nithe sin dhuinn a’s eagmhuis an fhocail? F. Gun teagamh dh’ fheadadh è so a dheanamh le Spiorad as eagmhuis an fhocal nam b’ aill leis; ach dh’ orduigh è ’m focal mar a mheadhon d’an dean è feum chum eaglais a theagasg, Isa. 8. 20. Rom. 5. 4. C. Creud an staid ann ’s am bheil iadsan aig’ nach ’eil na sgriobtuire a nochdadh toil De dhoibh? F. ’S eigin gu ’m bheil iad ann staid chaillte, Sean. 29. 18. C. Nach fead solus naduir no ghrian, a ghealach, agus na reulta toil De fhoillsicheadh dhuinne? F. Cha ’n fhead; oir ge do dh’ fheadas iad sin cuid do nithe coitchinn thaobh Dhe a theagasg dhuinne, gidheadh cha’ ’n fhead iad slighe na slainte trid Josa Criost a theagasg dhuinn. C. Co d’ am bheil toil De air a teagasg le fhocal agus le a spiorad sin? F. Do gach fior chreidmheach. C. Nach eil eòlas aig’ daoin’ eile air toil De co-mhaith riu sin? F. Ge do dh’ fheadas daoin’ ann an staid nadurra moran eòlais agus soillficheadh coitchinn a bhi aca; gidheadh ni bheil neach air bhith a’ faghail eòlas slainteil air toil De ach na fior chreidmhich. C. Cionnas a bhios fios aguinn’ m’ ta an t eòlas slainteil so air toil De againne? [TD 109] F. Feadaidh sinn a mhèas gu bheil è mar so, ma ’t a è ’g ar ’n irioslachadh fein, agus ag arduchadh Chriost; ma ’ta è ag fadadh teas ghradh ’n ar cridhe, ag atharrach an anma, agus ag àith leasach’ ar beatha, agus ma’ ta sinn dicheallach ann bhi gluasachd air gach doigh do reir ar soluis, Phil. 3. 8. 9. Eoin 13. 17. 2 Cor. 3. 18. C. Creud a thig riu sin ata ain-eòlach air Dia agus air a thoil, agus ta ag deanamh dimeas air na meadhona a dh’ orduigh Dia chum eólas fhaghail? F. An ti a rinn iad cha dean è trocair orra; ach thig è ann teine lasarra a dheanamh dioghaltais air an droing aig’ nach ’eil eòlas air Dia, agus nach ’eil umhal do ’n t soisgeil, Isa. 27. 11. 1 Thess. 1. 8. C. Creud a ni an dream ata ain-eòlach chum eólas fhaghail? F. ’S eigin dhoibh bhi ag leaghadh agus ag eisteachd an fhocail, agus dol a dh’ ionnsuidh Chriost an t ard fhaidh, agus fear teagaisg na h eaglais, agus bhi glaodhach, ris, “O Thighearna fosgail mo shuilean chum ’s gù m faicin nithe iongantach do lagha sa,” Sal. 119. 18. Ceist XXV. Cionnas ata Criost ag cur oifig sagairt ann gniomh? F. Ata Criost ag cur oisig Sagairt ann gniomh, ann è fein do thabhairt suas aon-uair na iobairt do dhioladh ceartas De; agus do dheanamh ar reitigh re Dia; agus ann gnath-eidir-ghuidhe do dheanamh air ar soin’ne. C. Creud an da phairt do oisig sagairteachd Chriost ata ann san fhreagra’? F. Iad sin, eadhon, bhi’ ag toirt suas iobairt, gus bhi ag deanamh eidir-ghuidhe air ar soin-ne. [TD 110] C. Creud ata thu cialluchadh le iobairt? F. Is è an seagh ’ta aige ann san sgriobtur, beo-chreatuir a mharbhadh, agus oifrealadh do Dhia, a dheanamh reite air son peacaidh. C. Creud è bhi ag deanamh reite air son peacaidh? F. ’S è sin, bhi’ ag toirt diolaidh do cheartas De air a shon, agus bhi’ a’ cur cosg air fheirg sin. C. Creud an iobairt a thug Criost ar sagairt-ne suas do Dhia air ar son? F. Thug é fein. C. Am b’ e a chorp no anam a thug è suas? F. Thug è suas a chorp agus anam mar aon air ar soin-ne, Eabh. 10. 10. Isa. 53. 10. C. Creud ata bhi’g a thoirt fèin suas mar iobairt air ar soin-ne cialluchadh? F. Bhiodh cur fhulangais agus a bhàis ann lathair Dhia chum ’s gu ’n gabhadh è riu, mar dhioladh iomlan air son peacaibh nan daoine taghta. C. Cia tric a thug Criost é fein suas mar iobairt air ar soin-ne? F. Aon uair amhain; ge ’ta na papanaich gu ro mhi-riosunta a’ cur rompa gu bheil iad san ’g a thoirt suas gu tric ann nan iobairt neo’fhuileach na h aifrion, agus le so ag cur gach sagairt aifrionach ann coi meas re Criost. C. C’ ar son nach fhead Criost bhi air ofraileadh n’ is trice na aon uair? F. Do bhri’ gu roibh aon iobairt sin dheth fein leòr-fhoghainteach a dhioladh ceartais De; agus cha ’n fhead neach air bhith eile Criost ofraileadh ach è fein, ni mò dh’ fheadas è bhiodh air ofraileadh a’ ris gun fhulangas as ùr, ni ta neo’-fhreagrach r’ a staid arduichte, faic, Eabh. 6. 25. 26. 28. C. Creud iad na criocha’ m’ an d’ thug Criost e fein suas mar iobairt? [TD 111] F. Ata è air innseadh dhuinn’ ann san fhreagra’ gu d’ rinn è so a dhioladh ceartais air son ar peacaidh-ne agus chum ar deanamh reidh re Dia. C. Nach feadadh aingle no daoine iobairt a thabhairt a bhithidh leór-fhoghainteach a dhioladh ceartais D e air son peacaidh? F. Cha ’n fheadadh. C. C’ ar son sin? F. Do bhri’ nach bithidh luach neo’-chriochnach ann aon dioladh a b’ urradh iad a thabhairt. C. An roibh ceartais De lan thollichte le iobairt Chriost? F. Bha. C. Cionnas ata sin soilleir? F. Le ard inbhe neo’-chriochnach na ti a thug è fein suas mar iobairt: le guth an Athar o neamh, a’ foillsicheadh gu roibh a mhòr thlachd ann san: leis na briathraibh a labhair Criost fein air a’ chrann cheusaidh, ata è criochnaichtè; agus leis na comharthaidh glòr-mhor urram a chuir Dia air ann diaidh dh’ a fulang, ann a thogbhail suas o na mairbh, ann a ghabhai lchum nan neamhaidh, agus ann a chur na shuidhe sios air a dheas laimh. C. Ach c’ ar son nach fheadadh Dia ar peacaidh a logha a’s eagmhuis a leithid so do iobairt? F. Do bhri’ gu roibh è feumail gu ’m bithidh a bhagradh co’-thromach ann an coi’-cheangal nan oibreadh air a choi’-lionadh ann smachduchadh a pheacaidh, agus gloir a cheartais air a taisbean co mhaith re gloir a throcair. C. Creud an sonas ata ag srutha oirne o ’n dioladh thug Criost do cheartas De? F. Ar reite re Dia. C. Creud è bhi reidh re Dia? F. ’S e sin bhi ag dheanamh Dhia agus dhaoine ’n an cairdean, a bha nan naimhde roi’ laimh. C. Cionnas ata ’n reite so air a toirt m’ an cuairt? F. Le fuil Chriost a bhi air a sgaoileadh mar an luach a chosain ar sith agus ar cairdeas re Dia, [TD 112] d’ am bheil sinn air ar deanamh ’n ar luchd co’-pairt, air gabhail dhuinne re Criost tri creidimh. C. Creud iad na sochairibh a choisean Criost le é fein a thoirt suas mar iobairt air son a phobuil? F. Gach tiodhlacadh feumail, aimsireil, spioradail, agus siorruidh, air achd as gu ’m bheil creidimh, aithreachas, iompuchadh, fireanachadh, agus naomhachadh, le uile ghrasaibh an spioraid, aran laitheil; co’-chomunn re Dia, agus beatha bhioth-bhuan air an cosnadh le Criost d’a luchd muintir sin. C. Cia uaithe bha uiread eifeachd aig iobairt Criost? F. O nadur na Diadhachd, ris an roibh anam san agus a chorp co teann air an aonachadh, agus uime, sin deirir r’ a fhuil sin, fuil De, Gniomh. 20. 28. C. Cionnas a dh’ fheadadh fulangasaibh aon duine dioladh air son peacaidh duin’ eile? F. Le peacaidh dhaoin’ eile bhi air an leagail air sin, agus air a’ meas dh’ a. C. Cionnas a dh’ fheadadh peacaidh agus lochdaibh dhaoine bhi air a’ meas do Chriost, neach a bha, neo’-chiontach, aig’ nach roibh lamh air bith ann ’ta? F. Le Criost a bhi air a dheanamh ’na urras air son pheacach, ’g a chur fein ’n an àite, agus gu toileach a’ gabhail an ciont’ air fein. C. Creud an sealladh ’ta ’n iobairt so ag toirt dhuinne do ’n pheacadh? F. Ata i nochda’ naimhdeas agus nadur’ uath-mhor’ a pheacaidh, ’n uair nach fheadadh ni b’u ludha na fuil iobairt Chriost air a chrann cheusaidh dioladh dheanamh air a shon, no thabhairt air falbh. C. Am bheil iobairt Chriost co’-iomlan a thoileachadh ceartais De air son peacaidh, a’s nach ’eil feum air bhith air tuilleadh diolaidh uainne? F. Ata; agus uime sin, ’ta gach diolaidh papanach air son peacaidh, le peanasaibh, * turasachd, * oilthireachd. [TD 113] gniomhartha deirceach, urnuighean agus * ionada glanadh, diomhain agus ann-danadh. C. C’ ar son ’ma seadh ata deadh oibridh, urnuigh aidmheil deura, amhghair, agus fulangasa air an iarruidh air na creidmhich, agus air an orducha dhoibh? F. Ni h an chum dioladh air son peacaidh, ach chum Dia a ghlorachadh, chum obair na naomhachd a chuir air a h aghaidh, agus ’g an deanamh iomchuidh air son saoghail a ’s fearr. C. Co iad air son an d’ thug Criost è fein suas mar iobairt. F. Air son nan daoine taghta, agus a mhead sa chreidis ann san, Isa. 53. 11. Mat. 26. 28. Eoin 10. 15. 16. Eoin 17. 9. 19. 20. Gniomh. 20. 28. C. Nach ’eil sinn ag leaghadh mar an ceadna gu do bhàsaich Criost air son na h uile, gu ’n do reitich é ’n saoghal re Dia, agus gur h é an iobairt reiteidh air son peacaidh an t saoghail gu leir, 2 Cor 5. 15. 19. 1 Eoin 2. 2. F. Ata, ach ’ta na briathra sin r’ an tuigsin mu na daoine taghta ’mhain: oir bu mhi-riosunta bhi ag radh gu do dhoirt Criost fhuil air son na muintir sin nach deanamh è urnaigh air an son, agus gu ’n d’ thug è dioladh do cheartas air son moran a bha ann ifrinn m’ ann d’ fhuiling è. C. Cionnas a dh’ fheadadh iobairt Chriost dioladh air son naoimh an t sein-tiomnuidh a bhàsaich m’ an d’ thug e iobairt seachad? F. Faic so air a fhreagra’ roibh laimh air 21st Cheist, Mu eidear-ghuidhe CHRIOST. C. Creud i an dara pairt do oifig sagairteachd Chroist? F. E bhiodh re gna’ eidear-ghuidh’ air ar soin-ne. C. Am buin so gu direach do oifig Chriost mar Shaga rt? * purgadoireachd. [TD 114] F. Buinidh; oir bha na sagairtean faoi ’n lagh a’ deanamh eidear-ghuidh’ air son a phobuill, agus chum na criche sin, a’ giulan fuil nan iobairta steachd o ’n ionad, ro naomha, agus ’g a crathadh air caithair na trocair. C. Ciod am feum ata air eidear-ghuidhe Chriost? F. Do bhri’ gu bheil moran ’g ar casaid, agus a t agradh ’n ar ’n aghaidh; agus ata sinn dh’inn fein granail agus neo’-airidh air teachd am fogus do Dhia. C. Cionnas ata Criost a’ deanamh eidear-ghuidh’ air ar soin-ne. F. ’N uair a bha è air thalamh rinn e so le urnaigh iriosal agus athchuinge re Dia, ach anois air neamh ata e ga dheanamh le bhiodh ’g a thaisbean fein gu glormhor mar neach coitcheann ann ar ’n ainm-ne, agus ag nochdadh a dhioladh uile dhiongmhulta ann lathair caithir na gloir, ag iarruidh air Athair gabhail r’ a fhuil sin a’s leath nan daoine taghta, chum ’s gu bithidh iad uile, is gach aon dhuibh fa leath, ann àm iomchuidh, air an cur ann sealbh ann ’s na sochairean a chosain eisean, Eoin 17. 11. 17. 24. Eabh. 9. 12. 24. agus 12. 34. C. An i so an doigh air an abrar gu bheil fuil Chriost a labhairt? F. ’S i. C. An ann air sga’ eidear-ghuidh Chriost ata ar dleasdanais agus ar seirbheas anois t aitneach do Dhia? F. ’S ann. C. Nach ’eil e air a radh, Rom. 8. 26. “Gu bheil an spiorad naomh a’ deanamh eidear-ghuidh air ar foin-ne’” cionnas ’ta sin a’ co’ sheasamh re oifig Chriost? F. ’S i oifig Chriost bhiodh re eidear-ghuidh’ ann taobh ’muigh dh’inn le bhio’ ag taisbean fhola agus fhulangais, air ar soin-ne: ’S i obair an spioraid bhio’ re eidear-ghuidh ann taobh stigh dh’inn le bhio’ ag brosduchadh ar tograidh, agus a [TD 115] cur argumainte ’n ar beul ann ar ’n urnuigh re Dia. C. Nach do chuir Criost crioch air obair sin mar shagairt ’n uair a bha é air a chrann cheusaidh? F. Chuir a thaobh diolaidh a thabhairt, ach cha do chuir thaobh eidear-ghuidhe a dheanamh; bha cheud aon ann sin air a criochnacha’ gu coi’-lionta, ach ata ’n aon eile buan mhairtheanach. C. Nach ann o ’n dioladh thug Criost ata eidear-ghuidh’ ag srutha? F. S ann. C. Cia fhad a mhairtheas eidear-ghuidh Chriost? F. Gu siorruidh, Sal. 110. 4. Eabh. 7. 25. C. Am biodh feum air bhith air eidear-ghuidhe Chriost ann diaidh an là dheireannaich ’n uair a bhios na daoine taghta uil’ air an cruinneachadh dha thigh? F. Bithidh, chum an coimhead gu siorruidh ann sealbhachadh an t sonuis chum am bheil iad air teachd. C. Am bheil Criost re eidear-ghuidh’ mhain air son a mheud is ata creidsin san àm? F. Ata è ag deanamh eidear-ghuidhe air son nan daoine taghta gu leir, mar aon air son na droing ata ag creidsin, agus mar an ceadna air an son sin ata fòs chum creidsin, Eoin. 17. 20. C. Creud iad na sochairean fa leath ata e ’g iarruidh air an son? F. Air son na dream dhuibh ata neo’-iompoichte ’ta è ag tagradh gràs iompuchaidh, creidimh, aithreachas, &c agus air son a mhead sa ’ta nan creidmhich ’ta è tagradh air son tuille grais agus naomhachd, maitheamhnas nan peacaidh as ùr, coimhid o ’n olc ata san t saoghal, buan mhaireachduin ann gràs, aonachd ’n a ’measg fein agus coi’lionadh gach geallaidh agus ni maith a chosain e dhoibh, mar aon ann san àm so, agus na dhiaidh so. C. ’N uair ata Criost a’ guidhe air son a phobuill, gu’ m bithidh iad air an coimhid o ’n olc ata san [TD 116] t saoghal, Eoin 17. An è sin amhain an coimhead o gach uil’ amhghar. F. Cha ’n é. C. Nach ’eil triobluide air an naomhachadh nan cuid do na chosain Criost dhoibh. F. Ata, agus air an adhbhar sin, cha ’n ’eil iad olc dhoibhsin ach maith. C. Creud an t olc ma seadh air am bheil Criost a labhairt? F. Olc a pheacaidh agus na feirge. C. Am bheil eidear-ghuidhe Chriost gna’ bhuadhach, agus criochnachadh gu maith? F. Ata, oir ata an t Athair, do ghna ’g a eisteachd, Eoin 11 42. C. Creud na riasona m’ am bheil eidear-ghuidhe Chriost co buadhach? F. Ard inbhe a phearsaidh agus iobairt sin, agus do bhri’ nach ’eil é ag tagradh air son ni air bith ach do reir toil De, agus air sgath na muintir sin ata an t Athair a’ gradhacha’ amhuil as mar ’ta é fein. C. Nach’ eil Criost gu neo’chrichnach ni as oirdheirce na fear tagraidh air bhith air thalamh? F. Ata; oir cha ’n ’eil a h aon dhuibh co eòlach, co buadhach, co shaoithreach, co shaor, agus co ullamh ris sin. C. Am fead sin feum a dheanamh do eidear-mheadhoin-fheara no luchd tagraidh air bith eile thuilleadh air Criost. F. Cha ’n fhead, oir ’ta ’n sgriobtur ag innseadh dhuinn, nach eil ach aon eidir-mheadhoin-fhear eidear Dia & duine, an duin’ Iosa Criost, 1 Tim. 2. 5. ’S e Criost an t aon eidear-mheadhoin-fhear chum eidear-ghuidh co mhaith as a chum saoraidh. C. C’ ar son nach fead naoimh no aingle bhiodh nan eidir-mheadhoin-fheara eidear Dia agus sinne? F. Do bhri’ nach ’eil feart air bhith aca leis an tagair iad, ni mo ’ta fios aca air ar staidne; no air ar ’n uireasbhuidh, Isa. 63. 16. [TD 117] C. Creud iad na nithe ann san d’ thug sagairteachd Chriost barr air sagairteachd nan Leibhiteach? F. Cha roibh iad sin uile ach nan samhluighean agus nan sgailean air Criost, ’s eisean an t suim iomlan: thug iad sin suas iomad iobairt, agus moran do fhuil ainmhidhean, nach feadadh ceartas a dhioladh air son peacaidh, ach thug Criost suas aon iobairt amhain, eadhon, fhuil fein a thug lan dioladh seachad: An san t sagairteachd Leibhiteach, bha eidear-dhealuch’ do ghna ’eidear an sagairt, an iobairt, agus an altair; ach ’s e Criost na aonar an sagairt, an iobairt, agus an altair. C. Cionnas is é Criost an sagairt, an iobairt, agus an altair? F. B’ è Criost ’n a phearsa fein an sagairt a thug suas an ofrail a rinn dioladh air son a pheacaidh, b’e nadur a dhaonnachd an iobairt, agus b’e nadur a Dhiadhachd an altair. C. Nach b’ e an crann-ceusaidh an altair air an roibh an iobairt air a h ofraileadh? F. Feadar an altair a radh ris a’ chrann cheusaidh ann an seadh fairsing, thaobh gu ’m b’ e a ni faicsionach ris an roibh an iobairt air a ceangal, ach cha b’ e air doidh air bhith an altair a naomhaich an ofrail, agus a rinn taitneach i chum na criche mòr m’ an roibh i air a toirt suas: b’ e so amhain nadur Diadhachd Chriost. C. Cionnas a deirir re Chriost sagairt do reir ordugh Mhelchisedic, ni ’s mò na do reir orduigh Aaron? F. Do bhri’ ge do bha iad mar aon ’n an samhluidhin air Criost, gidheadh bha Melchisedec na shamhlugh, agus na chosamhluchd air sin mar shagairt na bu diricheadh agus na bu bheothaileadh na bha Aaron, do bhri gu bheil è air a chur a mach n’ is urramaich na Abraham, agus gu roibh è na righ co mhaith is na shagairt, gun neach air thoiseach air, no na dhiadh ann a oifig, [TD 118] agus gu bheil a shinnsireachd agus a ghineal gu h iomlan air am folach, le sin a’ cialluchadh ginealach shiorruidh agus buan mhairtheanach Chriost. C. Creud a ni sinn chum sealbh chinnteach fhaghail air lobairt agus eidear-ghuidh Chriost an t ard shagairt gloir mhor so? F. 1. Bitheamaid ag iarruidh mothach iomchuidh air ar truaighe as eugmhuis so, thaobh gu bheil sinn do ghna’ buailteach do bhuile ceartais gun dioladh. 2. Bitheamaid a’ creidsin nach ’eil iobairt air bith a dhiolas, no fuil air bith a ni ar dion, ach fuil iobairt Chriost. 3. Bitheamaid ag cur cul ris gach earbsa as ar fireantachd agus ar deanadas fein. 4. ’S eigin dhuinn aontachadh gu cridheil leis an innleachd ghlormhor a shaoradh pheacach tre fearta agus eidear-ghuidh Chriost ar ’n ard Shagairt-ne. 5. ’S eigin dhuinn an t ard Shaghairt so le fhuil a dhoirt è a ghabhail ann glacaibh ar creidimh, mar neach ata gu saor air a thairgse dhuinn; agus ar slainte earbsa ris sin amhain. 6. Gabhail ris mar shagairt air a riogh-chaithir, agus sinn fein a thoirt suas d’ a riaghail sin. Ceist XXVI. Cionnas ata Criost ag cur oifig Riogh ann gniomh? F. Ata Criost ag cur oifig Riogh ann gniomh le sinne do ceannsach a dh’a fein do riaglach, agus do sheasamh, agus le cosg do chur air na h uile as naimhde dh’a san agus dhuinne. C. Ciod a ghne rioghachd ata aig’ Criost? F. Os barr air a rioghachd nadurra ’ta aige ois-cionn an t saoghail mar Dhia coi-ionann ris an Athair; ata aige mar an ceadna rioghachd eidear-mheadhoin-fhearachd air a tabhairt dh’a mar [TD 119] † Immanuel ann sam bheil è ag riaghluchadh mar fhear-ionaid an Athar, Sal. 2. 6. Gniomh. 2. 36. C. Creud i rioghachd eidear-mheadhoin-fhearachd Chriost? F. An t ard chumhachd Tighearnail ata air a thoirt dh ’a mar eidear-mheadhoin-fhear, agus ata so da fhillt’. 1. Rioghachd spioradail Chriost ann san eaglais agus os a ceann. 2. Rioghachd a fhreasdaill os ceann, gach uile nithe air son maith na h eaglais. C. Ciod ata thu cialluchadh le rioghachd Spioradail Chriost? F. Rioghachd a ghrais, agus rioghachd a ghloir mar aon, no am briathra eile, an eaglais ann an staid cogaidh agus d’ fheuchain air thalamh, agus an eaglais ann an staid bhuadhach air neamh, agus cha da rioghachd eidear-dhealuighte so, ach da ghne riaghail do ’n aon rioghachd; air bhiodh dhoibh mar aon nan aon chorp coi’-cheangailte r’ a cheile faoi ’n aon cheannard, ann sam bheil Criost ag riaghluchadh o ’s an ceann, mar aon air doigh ghràsmhor, agus air doigh ghlormhor. C. Creud ata thu cialluchadh le rioghachd freasdail Chriost? F. An cumhachd rioghail ata air a thabhairt do Chriost, oiscionn gach aon ni air neamh, air thalamh, agus ann ifrinn, leis am bheil é ’g an frithealadh agus ’g an riaghlachadh chum maith na h eaglais; mar so, ’ta è air a dheanamh na Righ nan righ, agus na Righ nan rioghachd, co mhaith is na Righ nan naomh, Mat. 28. 18. Eph. 1. 22. Sean. 8. 15. 16. Tais. 15. 3. 4. agus 19. 15. 16. C. Co iad ata Criost ag Riaghlach os an ceann le chumhachd Rioghail? F. Ois-ceann a phobuill fein, agus ois-ceann à naimhde mar aon. † Dia maille ruinn [TD 120] C. Am bheil é ’g an riaghluch’ le cheil’ air an aon doigh? F. Cha ’n ’eil; oir ata è cur amach gniomhartha eidear-dhealuicht’ a chumhachd m’ an timchiol. C. Creud iad na gniomhartha eidear-dhealuichte sin? F. Do thaobh a phobuill fein, ata è ’g an ceannsuchadh dh’ ’a fein, ’g an riaghluchadh, agus ’g an coimhead: do thaobh a naimhdibh ’ta e g’ am bacadh no ’g an cosg, agus a’ toirt buaidh orra. C. Creud an staid am bheil Righ Shion a’ faghail a phobuill agus a chuid iochdaran air thùs? F. Ann an staid naimhdeis agus ceannairc ’n a aghaidh sin. C. Am bheil iad ag striochdadh dh ’a le ’n toil fein? F. Cha ’n ’eil; ’s eigin dh’ a ’n ceannsach dh’ a fein. C. Creud é sin, bhio’ ’g an ceannsachadh? F. Bhiodh ag toirt buaidh air an toil; agus ’g an deanamh sin, a bha nan cloinn eas-umhlachd, toileach agus umhall ann an la chumhachd. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinne ma thainig la chumhachd Chriost oirne g’ ar deanamh ’n ar pobull toileach dh’ a san? F. Is comhartha’ maith air a so, ma ’ta ar gradh do ’n pheaca’ air atharracha’ gu fuath air, agus ma ’ta sinn gu treibh-dhireach a roghnuchadh na nithe sin a thoileicheas Dia agus cha ’n è sin amhain ann ’s gach dleasdanas follasach o ’n leath ’muigh, ach mar an ceadna ionnta sin ata diomhair agus o ’n leath stigh. C. Am bheil Criost ag fagail eaglais agus a luchd muintir air an cùram agus air an riaghail fein ann diaidh dh’ a ’n ceannsacha? F. Cha ’n ’eil; ach cosmhuil re deagh righ ’ta è ’g an toirt faoi dheadh riaghail, agus ag buan- [TD 121] achadh ’g an riaghluchadh air doigh ghrasmhor. C. Cionnas ata Criost a’ riaghluchadh a chuid iochdaran? F. 1. Ata è ’g an riaghluchadh o’n leith muigh le deadh reachdaibh a thoirt dhoibh, air an ceangal le geallaibh agus le bagraibh, agus ag orduchadh riaghlui’-fheara agus smachducha’ ’na eaglais chum a reachd a chonbhail suas. 2. Ata è ’g an riaghlucha’ o ’n leith stigh le Spiorad ag sgriobhadh a reachd air an cridheachan, agus a’ toirt air gach buaidh d’ an anamaibh striochda’ dh a. C. Creud ata Righ Shion a’ deanamh air son a chuid iochdaran thuilleadh air an riaghluchadh? F. Ata è ’g an coimhead mar an ceadna. C. Co uaithe ’ta é ’gan coimhead? F. O gach ni a dh’ fheadas cron a dheanamh d’ an anamaibh; agus co fhada a’s ata è co’-sheasamh r ’a ghloir fein, ata è mar an ceadna ag coimhead an corpaibh o gach nàmhad. C. Cionnas ata Criost a’ coimhead a luchd muintir? F. Ata è cur fàl m’ an timchioll, ata è gan folach fuidh a sgiathan, ata è re eidear-ghuidh air an son, ata è toirt neart d’ a phobull, ’ta è ’g an conbhail suas ann an staid nan gràs, ’ta è bacadh, agus ag cur cosg air an naimhde. C. An ionann naimhde ’ta aig Criost agus aig a luchd muintir sin do ghna? F. ’S ionann. C. Cionnas ata sin a’ tachairt? F. Thaobh na dlu’ dhaimh ata eatorra, oir ’s è Criost an ceann, agus ’s iad a luchd muintir na bhuill; air achd as gu ’m biodh co’-mhothach aig an dara h aon do gach ni a ni cron do ’n aon eile. C. Co iad naimhde Chriost agus a luchd muintir sin? [TD 122] F. Am peacadh, an diabhol, agus an bàs ris an abrar an namhad dheireannach. C. Cionnas ata Criost ag cur bacadh air a naimhde fein, agus naimhde a phobuill? F. Le bhio’ cur laithilt air am boill, a’ tilgeadh an droch innleachd bonn ois cionn, no g’ an ard riaghluchadh agus le bhio’ toirt air am feirg sin a chliu fein a mheaduchadh, Tais. 2. 10. Sal. 76. 10. C. An ceaduich Criost d’ a naimhde buaidh a thoirt faidheoidh? F. Cha cheaduich; oir bheir è sgrios orr’ uile fa dheire. C. C’ uin’ a bheir e buaidh orra? F. Rinne è so ann cuid ann a bhàs, agus ann a dhol suas air neamh, ’n uair a rinn é treoir-ghairdeachas o ’s an ceann, agus a thug è bruid am braighdeanas, oir ann sin dhio-armaich è iad do ’n reachd chumhachd a bha aca air na daoine taghta mar luchd cuir ceart dioghaltais ann gniomh, a ’ta è toirt sgrios air moran dhuibh san t saoghal so le breitheamhnais sonruichte, agus bheir è sgrios siorruidh orra uile ’n tra thig è ris. C. Nach ’eil eidear-dhealuch’ mor eidear an doidh air am bheil Criost ag ceannsach a phobuill fein, agus an doigh air am bheil é toirt buaidh air a naimhde? F. Ata; oir ’ta e toirt air an dara h aon striochda gu toileach d’ a shlait rioghail, ach ata e briseadh an aon eile le slait iarruin. C. Nach ’eil Diabhla, agus droch dhaoine faoi cheannsal Chriost co maith r ’a phobull fein? F. Ata; ach ’ta naimhde faoi cheannsal sin d’ an ain-deoin, agus ann aghaidh an toile, ach ata luchd muintir fein ag striochda dh’ a gu saor thoileach. C. Nach’ eil sinne fuidh iomad ceangal bhio’ ’n ar ’n iochdarain thoileach do Chriost? F. Ata; oir ’s e as fearr coir oirne, ’s e Maigh- [TD 123] istir is fearr air bith; oir a ta chuing sin so ghiulan, agus ata dhuaisibh glormhor. C. Am fead neach air bith earbsa re Criost mar a shagairt, nach ’eil à toirt geill dh’ a mar a Righ? F. Cha ’n fhead; oir an dream leis nach aill bhio’ riaghluichte le a reachd; cha ’n fhead iad earbsa re saorsadh trid fhuil sin. C. Nach meas Criost mar a naimhde an dream ata diultadh bhi umhall d’ a lagh sin? F. Measaidh. C. Creud a deir an Righ riu san fa dheire? F. “Thugaibh ann so na naimhde ud agam-sa, leis nach b’ aill mise bhi m’ righ os an ceann, agus marbhaibh a’ m’ fhia’ nais iad,” Luc. 19. 27. Ceist XXVII. Cia iad na nithe ann an roibh Criost air irioslachadh! F. Do bhi Criost air irioslachadh ann a bhi air a bhreith, agus sinn ann an staid isiol, air a dheanamh fa ’n lagh, ag dol fa gach truaighe na beatha so, fa fheirg Dhe, agus fa bhàs malluicht’ na croiche, ann a bhi air adhlacadh, agus ag fuireach fa chumhachd an bhàis re seal. C. Creud ata thu ciallucha’ le irioslachd Chriost. F. A theachd o staid ard gu staid isiol. C. Creud am feum a bha air Criost a dheanamh so? F. Chum mar ar fear urrais-’ne gu ’m fuilinge eisean an smachduchadh a thoill sinne. C. Creud iad na ceimeana eagsamhuil do irioslachadh Chriost ata air an ainmeacha’ ann san fhreagra? F. An triuir sin gu hairid, eadhon, 1. Thaobh [TD 124] a bhreith. 2. Thaobh a bheatha. 3. Thaobh a bhàis. C. Cionnas a dh’ irioslaich Criost fein ann a bhreith? F. Ann an neach co ghlòr-mhòr ris sin a bhi toileach comhnuidh ghabhail am feoil, agus bhi air a bhreith le mnaoi. 2. Ann aontachadh bhi air a bhreith ann staid co isiol. C. Nach bu mhòr an ceim isleicheadh do Chriost bhi air a dheanamh na dhuine? F. B’ eadh; bu mho an ceim islicheadh so do Mhac siorruidh Dhe, na ge d’ fhasadh a ghrian na duslach, no aingeal na chnuimh. C. Creud i an staid isiol ann san d’ aontaich Criost bhi air a bhreith? F. Rugadh è le mnaoi air bheag inbhe, ann am baile suarach, agus ann an stapuil nan each, agus b’i prasach nan ainmhidhean bu † chliabhan dh’ a. C. Cionnas a dh irioslaich Criost é fein ann a’ bheatha? F. Ata na nithe a bhuineas dh’ a so, air an ainmheachadh ann san fhreagra: gu roibh e air a dheanamh faoi ’n lagh, gu ’n d’ fhuiling e truaighibh na beatha so; agus gu ’n d’ fhuiling e fearg Dhe. C. Creud ata air a chialluchadh le Criost a bhi air a dheanamh faoi’ ’n lagh? F. ’S e sin, do reir a cheangail faoi ’n d’ thainig e mar ar ’n urras-ne gu do chuir eisean e fein fuidh chuing lagh nan deas ghnath, agus na modhanan mar aon, agus gu do choi’-lion, is gu d’ thug e umhlachd iomlan dhoibh. C. Cionnas a chur Criost è fein faoi lagh nan deasghnath? F. Ann aontachadh bhi air a thimchioll-ghearradh, bhi a’ toirt ofraileadh suas, agus ag feitheamh air na h orduighean a bha air an àithne ann, agus chum a choi’ lionadh gu h iomlan thug † craidheal. [TD 125] è suas è fein mar iobairt air a chrann cheusaidh. C. Cionnas a chur Criost e fein faoi lagh na modhanna? F. Rinn è so mar ar ’n urras-’ne ann coi’-lionadh iartais an lagha so, le umhlachd iomlan a bheatha naomha, agus dhiol è a bhagraibh le bhi giulan mallachadh agus paineachas an lagha, a thoill sinne air son a bhrisidh. C. Nach b’ iongantach an ceim islicheadh do ’n fhear-reachd-thabhairt shiorruidh, bhi mar so air a chuir fa lagh fein? F. B’ eadh. C. Creud ata air a chialluchadh le truaighibh na beatha fuidh ’n d’ thainig Criost? F. S’ lionmhor iad sin, agus ataid a gabhail a steach anmhuineadh coitcheann neo’-lochdach nadur na daonnachd a ghabh Criost air fein, mar ’ta ocras, iotadh, sgitheas, goimh, codal, gul, agus an leithide sin. 2. Gach ionnsaidh, agus buaireadh a dh’ fhuiling è o’ n diabhol. 3. Bochduin agus uir-easbhuidh o’n leith muigh. 4. An-chaint, masladh, agus geur leanmhuin an droch shaoghail. C. C’ ar son a ghabh Criost na truaighean sin uil’ air fein. F. Chum ’s gun giulanadh è an ni a thoill sinne, agus gu ’m bithidh an tuille co’mhothach’ aige ruinne ’n ar triobloide. C. C’ ar son a dh’ fhas eisean co bhochd a bha na Thighearn’ air na h uile? F. Chum ’s gu ’m bitheamaid saidhbhir trid a bhochduin se, agus a theagasg dhuinn bhi toiichte le staid isiol. C. Nach d’ fhuiling Criost trioblaid air bith san t saoghal’ s’ ach na dh’ fhuiling é o dhiabhla agus o dhroch dhaoinibh? F. Dh’ fhuiling, chuaidh è fuidh fheirg Dhe mar an ceadna, mar ata è san fhreagra. C. Creud ata sin ag cialluchadh? [TD 126] F. Gu d’ rinneadh Criost na chusboir do dhiom agus do chorruich Dhe air son ar peacaidh ne, agus gu do mhothaich è an t uath bhas a bha ag srutha o ’n fheirg so, air anam co mhaith is air a chorp. F. An roibh Dia da rireadh an corruich re Criost, a mhac gradhach fein, neach a bha neo’-chiontach air doidh iomlan? F. B’ e Criost mar bha è ann fein, aon ghradh an Athar do ghna, ach mar bha e na urras air ar soin-ne, agus mar ghabh è ar peacaidh ne cusboir feirg Dhe air fein, agus ris an roibh uallach na feirge so gu neo’-sgathrail air a cheangal, b’ eigin dh a ’n t uallach do-ghiulan so ’gahbhail air fein, air doigh thar tomhas. C. Cionnas a nochd è mothach’ a bh’ aige dh’ e so? F. Le bhi ag labhairt a mach m’ an triobloid anma, agus an imcheist chruaidh a bha roimh-shealladh na cuis a cur air, le nadur na daonnachd a bhi ag seasamh air ais ann am blasachd do ’n chupan sheirbh sin, agus ann urnuigh a dheanamh, am feadadh e bhith gu ’n rachadh è seachad air; leis an ghleachd spairneil ann roibh è, agus am fallas fola a dhoirt è gu braonach ag tuiteam air an talamh; agus ann a ghlaodhaich gu raibh anam ro bhronach eadhon gu bàs, agus ann a ghearan gu do threig Dia é, Eoin 12. 27. Mat. 26. 38. 39. Luc. 22. 44. Mat. 27. 46. C. Nach ann da thaobh so mar an ceadna, a deirir gu d’ rinneadh Chriost na mhalluchadh air ar soin-ne, agus na dhuine brònach? F. ’S ann. C. An roibh creatuir criochnach air bhith comasach air uallach feirg an uilea-chumhachdaich a ghiulan? F. Cha roibh; agus cha b’ urradh nadur daonnachd Chriost a giulan mar Bithidh è ceangailte r ’a Dhiadhachd, agus air a chonbail suas leis. [TD 127] C. Am feadadh an cupan seirbh so, dol seachad air Criost ar ’n urras-ne? F. Cha ’n fheadadh; oir cha roibh doidh air bhith eil e air dioladh thoirt do cheartas De. C. Nach d’ fhuair Criost eisteachd ann san urnaigh a chuir è suas m’ an chuis so? F. Fhuair; oir ata è air innseadh dhuinn’, Eabh. 5. 8. “Gu ’n d’ eisdeadh ris, thaobh an ni roimh an roibh eagal air.” C. Cionnas a fhuair è eisteachd ’n uair nach deachadh an cupan seachaid air. F. Ann san leasachadh neo’-ghnathaicht a fhuar nadurr’ a dhaonnachd chum a neartuchadh ann a òl. C. An roibh è feumail gu ’m fuilingeadh Criost am bás ánn diaidh na dh’ fhulaing è roimh laimh? F. Bha, chum ’s gu freagradh è bagraidh a cheud choi’-cheangail gu coi’-lionta, gu dioladh è ceartas De, agus gu daingnicheadh è ’n fhirinn le ais-eirigh. C.. An roibh ar Tighearna gu mòr air irioslachadh ann a bhás? F. Bha. C. Cionnas a bha é mar so? F. Thaobh na nithe a thachair roimh a bhàs, gne agus doidh an bhàis fein, agus thaobh na nithe bha leantainn air. C. Cionnas a bha è air irioslachadh ann sna nithe bha air thoiseach air a bhàs? F. 1. Ann a bhi air a bhrath le Judas aon d’a dheisciobuil fein. 2. Ann a bhi air a reic air luach ro bheag. 3. Ann a bhi air a ghlacadh agus air a cheangal mar ghaduiche. 4. Ann a bhi air a threigsin le luchd leanmhuin uile. 5. Ann a bhi air aich-sheanadh le Peadar na eisteachd fein. Ann a bhi air a chasaid leis n h Judhaich ann ea’-ceartaibh o ’n roibh è uile neo’-chiontach. 6. Ann a bhi air a bhualadh, air a sheile agus le fochaid ain-iochdmhor air a sgeuduchadh, agus air a chrunadh le droighein. 7. Ann a bhi air a [TD 128] sgiursadh agus air a dhiteadh le Pilate mar neach ro chronail. 8. Ann an giulan a chroinn cheusaidh gus an àit’ ann do chuireadh gu bàs è. C. Cionnas a bha Criost air irioslachadh ann an gne agus doidh a bhàis. F. Ann am fulang a’ bhàis air a chrann cheusaidh, ni a bha na bhàs malluichte, craiteach, fadalach, agus maslach. C. Ciod a ghne bhàis a bha ann am bás na croiche? F. Bàs a bha air a ghnathacha’ ’measg nan Romanach air son nan daoine bu droch mhuinteadh, ann sam bithidh duin’ air a phianadh co mhòr is gu feadadh iad a chnamhan aireamh, ann san roibh a chosaibh air an tairngnicheadh ris a chuid a b’ isleadh do ’n chrann, agus a lamhan re crann tairsing, gu h ard ann sam bithidh è a’ crocha’ beo’ na h urad do uairibh, agus a lotaibh do ghna’ dol a’ mead le chud-throm fein, agus fhuil ag srutha amach, gus am bàsaicheadh è ann cradh ro mhor. C. C’ ar son a deirir bàs maslach ris? F. Do bhri’ gu ’n roibh an neach a bha ’g a’ fhulang air a chur amach lomnochd, agus air a mheas mar an ceannairceach bu ghrainealeadh: Agus bha ar slanui-fhear beannuighte eidear dias dhiu’ sin, mar gu b’ eisean a neach bu mheasa do ’n triuir. C. C’ ar son a deirir bàs malluichte ris? F. Do bhri gu n’ dubhairt Dia, Deut. 21. ’S malluichte gach neach a chrochar air crann, ’s e sin gu bheil è air a chuir amach fuidh an nair’ agus a’ mhasladh as mo a dh’ fheadar a dheanamh air duine, agus ata so ’g a nochdadh gu bi co mhor fuidh mhalluchadh De is a dh’ fheadas smachduchadh follasach air bith a dheanamh. C. Ciod é an gradh a thug air Criost an crann ceasaidh fhulang, agus an naire chur an neo’ shuim? F. Gradh nach fheadar a thomhas, oir ’ta e dòl thar gach uil’ eòlas, Eph. 3. 18. 19. [TD 129] C. Creud an ni bu chraiticheadh agus bu mho iriosluchaid bha ’ann am bás Chriost? F. Bhi air a threigsin le Dia ann san àm sin, mar ta an t ard ghlaodh uathbhasach a leig è air a chrann cheusaidh a dearbha; “Mo Dhia, mo Dhia, creud far threig thu me?” C. C’ ar son a bha Criost mar so air threigsin? F. A thoirt dearbha air mòr dhiom an Tighearna ann aghaidh a pheacaidh, agus a ghiulan smachducha na treigsin a thoil sinne gu siorruidh. C. ’N do thachair ni air bith ann àm an dorchadais sin ann san do bhásaich Criost? F. Thachair; thainig duibh-neul air a ghrein, chriothnaich an talamh, sgoilt na creagan agus brat roinn an tempuill, agus bha moran uaighean air am fosgladh; air achd as gu b’ eigin do ’n chaiptin leis an luchd coimhead, a bha feitheamh air Criost aid’-icheadh gu ’r b’ eisean mac De, Mat. 27, 51. 52. 53. 54. C. Nach ’eil na h argumainte as treasa aguinn o bhàs Chriost, chum fuath a thoirt do ’n pheacadh agus a threigsin? F. Ata; oir an so àta sinn ag faicsin trocair neo’-chriochnach Dhe ann an lethid so do fhear urrais a shollar dhuinne; ata sinn ag faicsin corruich Dhe an aghaidh a’ pheacaidh, mar an ni a’s mo cron air thalamh, agus stoirm uathbhasach na feirge a bheir è air luchd deanamh an uilc. C. Creud iad na ceimibh irioslachaidh bha ag leantain air bàs Chriost? F. Ata dias air an ainmeachadh ann san fhreagra, 1. Bha è air adhlacadh. 2. Dh’ fhan è faoi chumhachd a’ bhàis re seal. C. ’M bu cheim isticheadh ro mhor do Chriost bhi air a chur san uaigh? F. B’ eadh gu deimhin; oir as isleachadh do dhuin’ air bhith, bhi air a chur san àite ann san [TD 130] eigin dh’a a bhrathraibh agus a phuireachain a radh ris na cnuimhibh, ach bu mhò gu mor an t isleachadh dh’a san è, aig è an roibh eochracha ifrinn agus a’ bhàis, fein a bhi air a ghlasadh ann san uaigh, C. Nach roibh cuid do nithe ann co’ chuideachd adhlacadh Chriost a bha ’g a isleachadh? F. Bha. C. Creud iad sin? F. 1. Bha è air a dheanamh ann an cabhaig le beag cuideachd. 2. Cha b’ iad sin a chairdibh, ach coigreich. 3. Cha roibh a chorp air a ghiulan as a thigh fein, no as tigh air bhith, ach o ’n chrann cheusaidh mhaslach. 4. Cha roibh è air a chuir na uaigh fein, ach ann uaigh duin’ eile. C. Creud ata air a chialluchadh le Criost a bhi ag fantain faoi chumhachd a’ bhàis. F. Gu d’ fhan è ann an staid na marbh, agus gu roibh é ’na phriosunach aig a bhàs re seal. C. Ciod ata toirt cumhachd do ’n bhàs air duin’ air bhith? F. Am peacadh. C. Cionnas a dh’ fheadadh am bàs buaidh air bith a bhi aig’ air Criost, neach a bha saor do ’n pheacadh? F. Ge nach roibh peac’ air bith ann fein, gidheadh rinneadh na pheacadh air ar soin-ne è; agus mar so ghlac am bàs mar a phriosunach è ann ar ’n ionaid-ne. C. Cionnas ma ta a dh’ fheadas am bàs buaidh a bhi aig’air na creidmhich? F. Cha ’n fhead am bàs an glacadh mar phriosunaich; ach ata è teachd orra mar mheadhoin chum fuigheol a’ pheacaidh a ghlanadh gu h iomlan air falbh. C. Nach bu mhor an t irioslachadh do Thighearna na bèatha bhi air a chuir faoi chumhachd a bháis re feal? F. B’ eadh. [TD 131] C. Ciod an uin’ a bha è san staid so? F. Gu ’n uig an treas la ann diaidh a bhàis. C. Creud an samhlugh ’ta aguinn ann san sgriobtur air Criost a bhi san uaigh gus an treas la? F. Jonah a bha am broinn na muice-mara tri laithe, agus tri oidhche, Mat. 12. 40. C. C’ ar son a dh’ fhan Criost co’ fhad ann san staid so? F. A nochda gu roibh è da rireadh marbh. C. C’ ar son nach feadadh am bàs a chonbhail ni b’ fhaide fuidh chumhachd? F. Do bhri’ gu d’ thug é lan dioladh do cheartas De air son peacaidh a luchd muintir fein, agus nach feadadh è truaill’-eachd fhaicsin san uaigh. C. C’ ar son nach feadadh è truaill’ eachd fhaicsin san uaigh? F. Do bhri’ gu ’m b’ eisean seircin naomh Dhe, agus gu roibh è saor o gach uile pheacadh. C. C’ àit’ an deach’ anam Chriost ann diaidh a’ bhàis? F. Ata sinn a’ leaghadh ann sna soisgeil gu do thiomn’, è anam suas ann lamhan an Athar, agus gu deach’ è do pharras ionad an t sonais. C. Nach ’eil sinn a’ leaghadh ann sa Chreud gu deach’ é sios do ifrinn? F. Ata; ach cha ’n é seagh nam briathra sin gu ’n deach’ è sios do ifrinn ionad na doghruinn; ach ’s ionann seagh do ifrinn agus do ’n uaigh ann sa cheud chaintin, agus feudar a thuigsin ann dara cuid, m’ an chorp a bhi na luidhe ann san uaigh, no mu phiantaidh ifrinn a dh’ fhuiling è na anam. Ceist XXVII. Cia iad na nithe ann roibh Criost air arducha? F. Do bhi Criost air arducha’ ann a ais-eirigh o na mharbhaidh air an treas la, ann a dhol suas air neamh, ann a shuidhe air [TD 132] deas laimh Dhe an Athar, agus ann a theachd a thabhairt breitheamhnas air an t saoghal ann san la dheireannach. C. Ciod è a dh’ fheadas sinn fhoghlum o arduchadh Chriost bhi ag leantain air irioslachadh? F. Gu bu choir dhuinn giulan gu foighidneach le staid amhghair san t saoghal so, ann dochas gloir na h aith bheatha. C. Co do naduraibh Chriost a bha air arduchadh? F. Do bhri’ nach feadadh Criost bhi air arduchadh thaobh nadur’ a Dhiadhachd da rireadh, ach thaobh taisbein amhain; b’ ann a thaobh nadurr’ a dhaonnachd a bha eisean gu fior agus da rireadh air arduchadh. C. Creud iad ceimeana staid arduchaidh Chriost? F. A cheithir sin,. 1. Ais-eirigh. 2. A dhol suas air neamh. 3. Bhiodh na shuidhe air deas-laimh Dhe. 4. Bhiodh toirt breith air an t saoghal. C. C’ uin’ a dh’ eirigh Criost o na marbhaibh? F. Air an treas la. C. Co an la do ’n t seachduin air an roibh an la sin? F. Air a cheud la do ’n t seachduin, ris an abrar o ’n àm sin, la an Tighearna. C. Co an chumhachd leis an d’ eirigh Criost? F. Le chumhachd fein, & le cumhachd Athar. C. Ciod an doigh air an d’ eirigh è? F. Dh’ eirigh è le luath-ghair, le crioth-thalmhain, le ainglibh coimheadachd, chriothnaich an luchd coimhid le eagail, agus dh’ fhàs iad mar mhairbh, Mat. 28. 2. 3. 4. C. Cionnas ata ais-eirigh Chriost air a dearbha’ dhuinn? F. Le fia’-nais nan abstol a chunnairc è gu tric an diaidh dh’a eirigh, agus a chual a dheadh theagasg, thaoibh an giulan o ’n àm sin, agus chum an tuilleadh dearbhaidh thoirt dhoibh, cheadaich [TD 133] è dhoibh a chorp a laimhseachadh, agus bhi ’g ith’ agus ag òl air mhodh cairdeil maille ris. C. Am facadh neach air bhith é ’n diaidh dh’ a eirigh ach na h abstoil? F. Chunncas le moran eil’ è do fheara agus do mhnai mar aon; agus ’ta ’n t abstol Pol a’ sgriobhadh chum nan Corintianach ag radh, gu ’m facas è le cuig ceud briathre ann aon uair, agus gu roibh a chuid bu mho dhuibh beo san àm sin, 1 Cor. 15. 6. C. Ach cionnas a dh’ fheadas sinne bhi cinnteach gu bheil fia’-nais nan abstol fior? F. Do bhri’ gu bu daoine neo’-mheangail iad, agus cha ’n fheadadh iad tairbh air bhith shaoghalt a bhi aca san amharc ann ais-eirigh an Tighearn’ fhoill-sicheadh, ach na àite sin’ a’ gheur-leanmhuin bu mhò o na h Judhaich, agus mar bithidh è cinnteach, cha deanadh iad roghain air Jerusalem chum a sgaoileadh air thùs ann, agus sin ann uine co ghaoirid ann diaidh a cheusaidh ann san àite sin, gidheadh sann ann sa cheart àite sin a thoisich iad, agus ghabh na milte r’ ann teagasg. Os barr dhaingnich Dia am fiadhnais o neamh, le gibht teangàidh a luidheasach’ orra, agus cumhachd chum gach gne do mhiorbhuile oibreacha. C. Creud am feum a bha air ais-eirigh Chriost? F. A nochdadh gu ’m b’ iesean Mac Dhe, agus gu roibh ceartas lan thoilichte air son ar peacaidh-ne, agus a thoirt dearbhadh do gach creidmhich air an ais-eirigh sin o na mairbh mar an ceadna. C. An d’ eirigh Criost leis a’ cheart chorp a chuaidh cheusadh? F. Dh’ eirigh. C. Cionnas ata sin soilleir? F. Le aileadh nan tairgnin na lamhan agus na chosaibh, agus le aileadh na sleagh na thaobh, a nochd è d’a dheisciobuil ann diaidh dh’ a eirigh. C. An d’ eirigh neach riamh o na mairbh ach Criost? [TD 134] F. Dh’eirigh, mar bha Lasarus, inghean Jairus agus cuid eigin eile. C. Creud an t eidir-dhealach’ ata eidear ais-eirig na droing sin agus ais-eirigh Chriost? F. Dh’ eirigh iad sin mar dhaoinibh diomhar le cumhachd Dhe, ach dh’ eirich Criost mar phearsa coitchinn le chumhachd fein, mar mhòr-cheannard agus fear ionaid na h eaglais, ’g a fireanachadh, agus a dhaingnicheadh firinn a gheallaibh gu leir. C. Cia fhada dh’ fhan Criost maille r’ a dheisciobuil ann diaidh dh’ a eirigh? F. Da fhichid la. C. Car son dh’ fhan è co fhada? F. Chum ’s nach bithidh teagamh air bith aca mu ais-eirigh, agus mar an ceadna, d’ an teagasg ann an nadur a rioghachd agus eaglais sin, agus d’ an seòladh thaobh a riaghail. Ma dhol suas CHRIOST. C. Creud è an dara ceim do arduchadh Criost? F. A dhòl suas air neamh. C. Cia an t áit’ o n’ deach é suas? F. O shliabh nan oluidh. C. Creud an doigh air an roibh a dhol suas? F. Air doigh fhollasach, agus le luath-ghair, le neal ’g a ghabhail, agus le ainglibh coimheadachd, a’ toirt bruid am braighdeanas, agus a’ toirt tiodhlacadh do dhaoinibh, Gniomh. 1. 9. 10. Sal. 68. 17. 18. C. Ciod a b’ obair dh ’a ann àm dealaicheadh ra a dheisciobuil? F. Bha è ’g an beannuchadh le lamhan ann togbhail suas. C. Creud a chrioch m’ an deachadh Criost suas air neamh? F. Chum sealbh a ghabhail air an rioghachd na ainm fein, agus ann ainm a luchd muintir gu leir, agus mar roimh theachdair chum ionada comhnuidh ull’-uchadh dhoibh, agus mar am fear [TD 135] leith-sgeil chum an cuis a thagradh gu h eifeachdach. C. C’ àit’ am bheil Criost anois a lathair air mhodh corporra? F. Air neamh. C. Cia fhad a dh’ fhanas è ann sin? F. Gus an d’ thig è ’n dara h uair. C. Nach fheud sinn duil a bhi aguinn r’ a latharachd chorporra air thalamh gu ’n uig an t ám sin? F. Cha ’n fhead; oir “’S eigin do neamh a ghabhail gu aimisiribh aisig nan uile nithe,” Gniomh. 3. 21. C. Nach ’eil so na deadh argumaint ann aghaidh * nuadh bhrioghadh, no latharachd chorporra Chriost an san t sacramaint? F. Ata. C. Nach ’eil Criost a gealltain a latharachd d’ a luchd muintir air thalamh? F. Ata; ach cha ’n i a latharachd chorporra, ach a latharachd spioradail ata è gealltain dhoibh. C. Creud ata thu cialluchadh le latharachd spioradail Chriost? F. A theachd a dh’ ionnsuidh a phobuill le bhi ag dortadh a spiorad a nuas orra, chum an anamaibh aith-bheothachadh, agus an lionadh le gairdeachas. C. An deachadh neach air bith riamh air mhodh chorporra suas air neamh ach Criost? F. Chuaidh Enoch, agus Elias suas mar an ceadna. C. Ciod an t eidir-dhealuch a bha eidear an dol suas sin, agus dol suas Criost? F. Bha iadsan air an tabhairt suas, ach chuaidh Criost suas le chumhachd fein, chuaidh iad san suas mar dhaoinibh diomhair gun fhia’-naisibh, ach chuaidh Criost suas mar phearsa coitchinn ann sathair mòran fiadhnaisean. * atharrach-briogh. [TD 136] C. Creud iad na nithe mòr ata dol suas Chriost ag teagasg dhuinne? F. Bhiodh neamhaidh ’n ar ’n inntin, bhi socruchadh ar ’n aigneadh air na nithe ata shuas far am bheil Criost, agus a’ togradh bhi maille ris, Col. 3. 1. C. Creud a cho-fhurtachd a dh’ fheadas na creidmhich a tharruing o dhol suas Chriost? F. Feadaidh iad bhi cinnteach gu ’m bheil ionada comhnuidh ull’uichte dhoibh, agus gu lean iad an ceann feadhna, feadaidh iad failte chairdeil a ghealtain dhoibh fein, do bhri’ gu ’r h é an ti fhuair gach uile chumhachd air neamh an dlu’-charaid; agus gu bheil gach uile thruacantas Dhia agus dhuine mar aon ann san. Mu shuidheadh CHRIOST aig deaslaimh DHE. C. Creud é an treas ceim do arduchadh Chriost? F. E bhi na shuidhe air deas-laimh Dhe an t Athair, Eph. 1. 20. C. Am bheil lamh dheas agus chli aig Dia mar ’ta aguinne? F. Cha ’n ’eil; oir is spiorad Dia aig’ nach ’eil cot-chaibh corporra; ach ata iomradh air a laimh dheas ann aontachadh le ’r mothacha anmhuinne amhain. C. Creud ata suidhe Chriost air deas laimh Dhe ag cialluchadh? F. Gu ’m bheil è air arduchadh gus an àit’ is mo onoir, cumhachd, agus urram air neamh, agus gach aon ni air a chuir fa cheannsal sin, 1 Phead. 3. 22. F. Cia fhada shuidheas Criost ag deas-laimh an Athair? F. Gus am biodh an naimhde ’n an stòl fuidh chosaibh, Sal. 110. 1. [TD 137] C. Co an namhad dheireannnch a sgriosas é? F. Am bàs. C. C’ uin’ a bhios an namhad so air a sgrios gu tur? F. Ann san ais-eirigh choitchinn; ann sin bithidh bàsmhorachd air a shlugadh suas le beatha, 2 Cor. 5. 4. C. Cionnas ata sinn a’ leaghadh air uaireadh gu bheil Criost na shuidhe, agus ann ám eile gu bheil è na sheasamh air deas laimh Dhe? Gniomh. 7. 56. F. Ata à bhi na shuidhe air ainmeachadh a nochdadh an t sealbh shiorruidh ata aig’ air an rioghachd, agus è bhi na sheasamh a cialluchadh gu bheil è ullamh a chuir obair eidir-mheadhoin-fhearachd ann gniomh, gu sonruichte a chuideachadh leis na naoimh nan teinn, a thagradh an cuis, agus ’g an gabhail ann àm am bais, mar rinn è air Stephen, neach a chunnairc mar so è Gniomh. 7. 56. C. Creud ata suidhe Chriost air deas-laimh Dhe a teagasg dhuinne? F. Gur eigin do gach ni tarladh gu maith do ’n eaglais, do bhri’ gu bheil meas co mór d’ a caraid agus a fear tagraidh, agus gu bheil è riaghluchadh ois-ceann gach uile nithe, agus gur eigin gu ’m bi buill a chuirp sin air an arduchadh ann am iomchuidh thaobh gu ’m bheil an ceann air a thogbhail co ard. Mu CHRIOST a bhiodh toirt breith air ann t saoghal. C. Creud é an ceathramh ceim do arducha’ Chriost? F. A theachd a thoirt breith air an t saoghal san la dheireannach. C. Nach deirir dara teachd Chriost re so? F. Deirir, Eabh. 9. 28. [TD 138] C. C’ ar son a deirir so ris? F. Do bhri’ gu bheil sinn a’ leaghadh air da theachd chliuteach Chriost a dh’ ionnsuidh an t saoghail, agus si so an dara h aon dhiubh. C. Creud i an aon eile dhuibh? F. A theachd ann san fheoil. C. Nach ’eil eider-dhealuch’ mòr eidear an da theachd sin Chriost? F. Ata; oir bha cheud aon dhiubh ann an staid roi-iosal, ach bithidh an dara h aon ann staid arduighte ghlòr-mhor. C. Am bheil sinn a’ leaghadh air teachd air bhith eile do Chriost ann sna sgriobtuiribh? F. Ata sinn ag leaghadh air a theachd le spiorad ann a orduighean; agus air a theachd ann an gniomhartha a fhreasdail, a sgrios an ana-Criost, agus a theasairgin eaglais fein o naimhde, Eoin 14. 18. 2 Thess. 2. 8. C. Creud i a’ chrioch m’ an d’ thig Criost an dara h uair? F. A thoirt breith air an t saoghal. C. Creud ata r’ a thuigsin leis an t saoghal? F. An cinneadh daoine gu leir, beo, agus marbh, beag agus mòr, maith agus olc, agus mar an ceadna na h aingle a thuit. C. Creud ata r’ a thuigsin le Criost a bhi toirt breith air bheothaibh, agus air mharbhaibh, mar ata é, 2 Tim. 4. 1. agus ann ionadaibh eile? F. Gu tuirling Criost o neamh ann deire an t saoghail, a thoirt breith air na h uile a bhios beo an sin air thalamh, agus air na bhios marbh ann san uaigh. C. Creud an co’-dochadh ata aguinn’ gu ’m bi a leithid so do la breitheanais ann? F. 1. Ata coguis gach duine ’g innseadh so dh’a, le bhi ’g a lionadh le doilghios agus eagail taireis dh’a bhi cur uilc ann gniomh; air an laimh, eile, ’ta toil inntin agus dochas aca ann lorg bhi deanamh maith. 2. Ata ceartas De ag iarruidh [TD 139] gu bithidh na h aingidh gu dligheach air an smachduchadh, agus na daoine Diadhaidh a’ faghail duais; nach ’eil a’ tarladh ann sa bheatha so. 3. Ata na sgriobtuir naomh gu tric a’ dearbhadh dhuinn gur eigin dhuinn’ uile bhi air ar taisbein ann lathair caithir breitheanais Chriost, Eoin 5. 28. 29. Gniomh. 17. 31. 2 Cor. 5. 10. 1 Thess. 4. 16. 17. C. Co a bhios na bhreitheamh ann san la sin? F. JOSA CRIOST. C. Nach h é Dia breitheamh gach aon neach, Eabh. 12. 25? F. ’S è agus ’s è Criost an Dia sin co ionnan ris an Athair agus ris an Spiorad naomh: Ach dh’ orduigh Dia Josa Criost mar dhuine gu bi na bhreitheamh faicsionach an t saoghail. C. C’ ar son a chuaidh Criost arducha’ chum na criche so? F. Chum ’s gu ’m bithidh duais air a toirt dh’a air son umhlachd agus fhulangais, agus gu faiceadh gach suil am breitheamh: agus le breith a thoirt air an duine le neach na nadurra fein, gu ’m bithidh co’-throm Dhe na bu shoilleireadh r’ a fhaicsin, ann san doigh air am bheil è buintean ris an duine. C. C’ uin’ a thig Criost a thoirt breith air an t saoghal? F. Ann san la dheireannach. C. C’ ar son a deirir an la deireannach ris? F. Do bhri gu ’m biodh è na cho’-dhunadh air an t saoghal, ’n uair a chuireas Dia crioch air a laithe le gach aon ni a sgaoileadh as a cheile; oir ann sin, “Theid na neamhaidh thairis le toirm mhoir, agus ann san leagh na duilidh le dian theas, agus bithidh an talamh mar an ceadna agus na h oibridh ata ann air an losgadh suas,” 2 Phead. 3. 10. C. Am bheil fios aig’ duin’ air bith air an am shonruighte ann san d’ thig Criost [TD 140] F. Cha ’n ’eil, ge do dh’ fheadas sinn aithnich gu bheil è dluthacha’ ruinn’ leis na comharthaidh bha re tachairt riomh laimh. Ata na h abstoil ag innseadh gur iad aimsire an t soisgeil faoi am bheil sinne an aimsir dheireannach, agus gu bheil deireadh an domhain air teachd oirne, 1 Phead. 1. 20. Eoin 2. 18. 1 Cor. 10. 11. C. Nach ’eil cuid do nithe sonruighte re tachairt san t saoghal roimh theachd an la sin? F. Ata, mar ta iompuchadh nan Judhaich, tuiteam sios an Ana-criost, agus Mhahomet; agus mor leuduchadh na h eaglais am barrachd glainid. C. C’ar son ata Dia ag conbhail an am shonruichte am follach uainne? F. Chum suaimhneas feol mhor a bhacadh, agus chum ’s gu ’m bitheamaid a’ deasuchadh air a shon, agus re faire gach aon la, agus chum bhi ullamh a radh do ghna’, seadh thigse Thighearna, dean deifir maon ghradh. C. Creud an doigh air an d’thig Criost air an la dheireannach? F. 1. Thig è gu h obain agus gun duil ris; agus uime sin, ata è air a chosamhlachadh re gaduiche a thig ann san oidhche. 2. Thig è le cumhachd agus mor ghloir; Oir sgaoilidh na neamhaidh as a cheile, agus theid teine roimhe, agus tuirlinge è le gair mhòr; agus le mòr shluagh aingle, agus naomh ’n a cho’-chuideachd, le guth an ard aingeal, agus le trompaid Dhe, ni a dhuisgeas na mairbh‘ agus mar so suidheadh è air ard chaithir gheal, agus bithidh ’n saoghal gu leir air an cruineacheadh na lathair, 2 Thess. 5. 2. Mat. 25. 31. Sal. 50. 3. Jude 14. 2 Thess. 1. 7. 8. 1 Thess. 4. 16. Tais. 20. 11. C. C’ ar son ata na sgriobtuire co tric ag iomradh air teachd Ghriost chum breitheanais? F. A chur an t saoghail as an teagamh d’ a thaobh, gu ar brosduchadh chum gach dleasdan- [TD 141] as, a chur eagail air daoine roimh ’n pheacadh, agus a thoirt misneich do na naoimh faoi gach triobloid. C. Ciod é am feum mór ata air la breitheanais? F. A thoirt foillsicheadh, soileimte air gloir buaidhibh Dhe; mar ’ta uile-leirsineachd, ann nochdadh diomhaireachd cridheachan agus beatha dhaoine, a throcair ann an saoradh nan daoine taghta; agus a cheartas ann smachduchadh nan aingidh. C. Creud an doigh air an toir Criost breith air an t saoghal? F. Bheir è breith air an t saoghal an co’ throm, agus bheir è luidheachd do gach neach do reir mar rinn è san chorp, ma ’s maith no olc e, Gniomh. 17. 31. 2 Cor. 5. 10. C. An eigin do na h uile dhaoine teachd chum breitheanais san la sin, maith is olc, Criostui’ean- agus iad’ san nach d’ fhuair eólas air Criost? F. ’S eigin. C. Nach fead cuid bhiodh air am follach no air au dio’-chuimhneach’ ann san choi’-thional mhor sin? F. Cha ’n fhead, oir gheabh suil uile leirsineach Dhe amach iad uile. C. Co a chuirear air laimh dheas a bhreitheamh, agus co a chuirear air a laimh chli ann la sin? F. Bithidh na fireanaich air an cuir air a laimh dheas, agus na h aingidh air a laimh chli. C. Creud an t eidear-dhealuch’ bhios eidear breathanais nam firean agus nan aingidh? F. Bithidh na fireanaidh air an tabhairt gu breitheanas maitheamhnais no fuasglaidh, agus na h aingidh gu breitheanais diteadh; ’si binn an dara h aon, thigibh a shluagh ata beannuichte, ach is i binn an aon eile im’-ichibh uam a shluagh malluichte, agus mar an ceadna theid breitheanas nam firean air thoiseach air breitheanas nan aingidh. C. Cionnas ata fios agad ar sin? [TD 142] F. Ata na sgriobtuire ag innseadh dhuinn gu ’n eirigh na mairbh ann Criost air thùs, agus air ball gu ’m bi iad air an togbhail suas ann comhdail an Tighearna, san aidhear, gu ’n theid an cur air cathraibh rioghail, agus gu ’m biodh iad ’n an suidhe laimh, re Criost ann an toirt breith air an t saoghal, 1 Thess. 4. 16. 17. Mat. 19. 28. 1 Cor. 6. 2. 3. C. Do bhri’ gu ’m bheil na creidmhich ciontach ann iomad peacadh thaobh smuainteadh, agus gniomhartha, amhail is mar ata na h aingidh, cionnas nach ’eil iad air an diteadh maille riu san? F. Do bhri’ gu ’m bheil am peacaidh uil’ air an leagail air Josa Criost, agus gu ’n d’ thug eisean lan dioladh do cheartas De air an son. C. Co iad na peacaich às mo truaighe ann an la a bhreitheanais? F. Na Criostui’-ean aingidh, gu sonruichte an dream a fhuar am freasdal bu shoilleireadh do sholus an t soisgeil, agus aig an roibh barrachd eòlais air toil De na bha aig’ càch, ach gidheadh a rinn dimeas air, agus a pheacaich na aghaidh. C. An toir Dia breith air na cinnich aig nach roibh an lagh no an soisgeil riamh air a nochda’ dhoibh? F. Bheir e breith orra le lagh naduir, agus le breanachadh an coguis fein, Rom. 2. 12. 13. 14. C. Nach bi moran fia’-naisean agus luchd casaid a thig ann aghaidh nan aingidh san la sin? F. Bithidh; mar ata buaidhibh Dhe, eadhon, a throcair, fhoigh-idin, uile-leirsineachd, a mhaitheas, a thiodhlacaidh a mhi-bhuilich iad; fuil Chriost air an do shaltair iad, an coguis fein a mhuch iad, agus bithidh an diabhol, agus an co’-chompanaich a bhuair gu peacadh iad an sin ’g an diteadh, agus re fia’-nais ’n an aghaidh. C. Nach ’eil sin ag leaghadh, Tais. 20. air leabh- [TD 143] -raichean a bhios air an fosgladh san la sin, creud iad sin? F. Ata sin air a labhairt do reir nòs cuirtibh an t saoghail so, aig’ am bheil leabhraichean air son riaghail breitheanais. Air an amhuil cheadna, ann san la sin, bith leabhar cuimhne, no uile leirsineachd Dhe air fhosgladh, an sam bheil uile ghniomhartha dhaoin’ air an sgriobhadh. 2. Bithidh leabhar na coguis air fhosgladh a bheir comhduchadh soilleir air cionta luchd aingidheachd. 3. Bithidh leabhar an lagha air fhosgladh le uil’ àitheantaibh, a bhagraibh, agus a mhalluchda’ a chuir iad ann neo’-brigh. 4. Bithidh leabhar an t soisgeil air fhosgladh, leis gach gairm, tairgse, agus gealladh air an d’ rinn iad dimeas, agus ni iad sinn uile ard dhiteadh ua’-bhasach ann aghaidh luchd aingidheachd. C. Creud iad na nithe a bheirthear chum breitheanais? F. Uile smuainteadh, briathra agus gniomhartha dhaoine. C. Nach eigin cunntas a thabhairt ann san la sin, ann sgach focal diomhaoin? F. ’S eigin, Mat. 12. 36. C. Nach bu choir dh’ a so ar teagasg chum bhi faicilleach m’ ar briathraibh agus ar smuainteadh gu leir? F. Bu choir. C. Nach d’ thig moran ua’-mhuin ann lorg a bhreitheanais? F. Thig. C. Cionnas a thachras sin? F. Do bhri gu ’n im’-ich na h aingidh ar ball chum peanas siorruidh, agus na fireanaidh chum beatha mhairtheanaich, Mat. 25. 46. C. Cionnas a bhios binn a bhreitheamh air a cur ann gniomh ann aghaidh luchd aingidheachd? F. Bithidh na diabhla luchd cur ceartais De ann gniomh, ag feitheamh agus deas chum na h aingidh a tharruing gu ionad na doghruinn. C. An d’ theid bhreith a thoirt air ainglibh san la sin? [TD 144] F. Theid, air na droch ainglibh. C. Cionnas a deirir, 1. Cor. 6. 3. gu ’n toir na naoimh breith air ainglibh? F. Do bhri’ gu ’n aontaich iad leis a bhinn a bheir Criost orra, agus air a naimhdibh uile. C. Creud bu choir dhuinn fhoghlum o theachd Chriost chum breitheanais? F. Saothair a dheanamh air bhi deas do ghna’ fa chomhair, cion a bhi aguinn air a theachd san; dichioll a dheanamh chum ’s gu ’m fuighear leis-sin sinn ann sith, bhi ’g oirpeachadh ar caithe beatha a bhi naomha agus diadhaidh, agus gun bhi ullamh gu breith obain a thoirt air ni no neach gu teachd an la sin, Luc. 12. 40. 2 Tim. 4. 8. Tit. 2. 12. 13. 2 Phead. 3. 11. 14. 1 Cor. 4. 5. Ceist XXIX. Cionnas atamaid air ’n ar deanamh ann ’n ar luchd co’-pairt do ’n t saoirse do choisin Criost? F. Atamaid air ’n ar deaneamh ann ’n ar luchd co’-pairt do ’n t saoirse do choisin Criost ’leis an t saorse sin a chur ruinne gu h eifeachdach le a spiorad naomha san. C. Creud i oifig agus a obair shonruichte an Spioraid naoimh ann an obair saoraidh an duine? F. Bhi ’g a co’-chur re anamaibh nan daoine taghta. C. Nach ’eil lamh mhor-chluiteach aig ’gach pearsa fa leith do ’n trionaid ghlormhor ann an obair ar saoraidh-ne? F. Ata; oir dhealbh an t Athair i, chosain a’ Mac i, agus ata ’n Spiorad naomh ’g a co’-chur. C. Ciod a ta air a chiallucha’ le obair na saorsadh? F. Bi ag teasairgin pheacach chailte o pheacadh, o ’n diabhol, agus o fheirg Dhe. [TD 145] C. Creud ata air a chialluchadh le cosnadh ar saorsaidh-ne? F. Bhi ’g a ceannach le luach roi-phriseil. C. Co a chosain ar saorsaidh-ne? F. Josa Criost Mac Dhe. C. Ciod an luach leis an do cheannaich se i? F. Le fhuil phriseil fein. C. Ciod é as seagh d’ ar biodh air ar deanamh ’n ar luchd co’-pairt do ’n t saorsadh so? F. Cuid no pairt a bhi aguinn do gach sochair agus tairbh a bhuineas d’ i. C. Creud iad na sochairean sin? C. Maitheanas peacaidh, dion o chorruich, sith re Dia, sith coguis, nuadh nadur, gràs naomhachaidh, an gath a thoirt as a bhàs, aiseirigh chum beatha, agus gloir shiorruigh. C. Creud ata air a chialluchadh le bhi co’-chur na saorsadh ruinne? F. Bhi ’g a deanaimh thairis dhuinne, le bhi ag tionsgna’ a ceud tùs ann ar ’n anamanna, agus le sin bhi ’g ar toirt o cheim gu ceim chum sealbh iomlan air na sochairibh so, agus ata sinn a toiseachadh air an sealbhachadh ann ar fireanachadh, agus ann ar naomhachadh san bheatha so, agus ’g an lan shealbhachadh ann an gloir na h aith-bheatha. C. Ann e an Spiorad naomh amhain a dh’ fheadas an t saorsadh so a cho’-chur ruinne agus ar cur an sealbh inn’ te? F. ’S è. C. C’ ar son a deirir gu ’m bheil an Spiorad naomh ag co’-chur na saorsadh so ruinne gu h eifeachdach? F. A theagasg dhuinn’ gu bheil na dh’ fheadar a dheanamh le meadhona, no le luchd teagaisg neo’-eifeachdach, a cho chuir na saorsadh ruinne as eagmhuis oibreachadh an Spiorad naomh. C. Nach ’eil co’-chur na saorsa so leis an Spiorad [TD 146] co fheumail dhuinn a’s a bha i bhi air cosnadh le Criost? F. Ata. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear a cosnadh agus a’ co chur? F. Is obair air a deanamh ann taobh ’muigh dh’ inn a cheud aon dhuibh, ach is obair ann taobh stigh dh’ inn ann aon eile dhuibh. Ceist XXX. Cionnas ata an Spiorad ag cur ruiune na saoirse sin do choisin Criost? F. Ata an Spiorad ag cur ruinne na saoirse sin do choisin Criost, le creideamh oibreacha ionnain leis am bheil se ’g ar coi’-cheangal re Criost ann ar gairm eifeachdaich. C. Creud ata an Spiorad ag oibreachadh ionnain-né chum an t saorsa’ cheannuichte so a chur ruinne? F. Creidimh. C. Nach ’eil e ’n ar comas an gràs so oibreachadh, no creidsin dh’ inn fein? F. Cha ’n eil. C. Nach h e an creidimh gniomh an anam ’ta a’ creidsin? F. ’S è, gidheadh ata ’n sgriobtur ag radh gur è tiodhlac Dhe è, agus obair a Spioraid sin ann taobh stigh dh’ inn, Eph. 2. 8. Col. 2. 12. C. Nach e Spiorad De ughdar gach uile ghrais? F. ’S è; agus uime sin, deirir Spiorad nan gràs ris. C. Creud na meadhona d’ am bheil e deanamh feum ann an creidimh oibreachadh ann ainne? F. Am focal, no ministreleachd an t soisgeil, Rom. 10. 14. 17. C. Ciod a thig riu san aig nach ’eil an soisgeil? nach fead an Spiorad creidimh chum slainte oibreach’ an ’ta san? [TD 147] F. Cha ’n ’eil gealladh air bith aguinn gu dean è so. C. Creud am feum ata ann creidimh chum na sochairean a chosain Criost a chur ruinne? F. ’S e ’n creidimh an gràs ata ’g ar toirt a dh’ ionnsuidh Chriost, agus a mheadhoin leis am bheil sinn air ar ’n aonachadh ris. C. Creud e bhi air ar ’n aonachadh re Criost? F. Bhi air ar ceangal ris-sin, agus air ar deanamh ’n ar ’n aon maille ris. C. An ann trid so ata fior sheilbh aig gach creidmhich air Criost; agus coir air na chosain èisean? F. ’S ann. C. Ciod e an ghne cheangail ata eidear Criost agus na creidmhich? F. Is ceangal no aonachd spioradail è, ois cionn naduir, agus diomhair cruaidh r ’a shoilleireachadh le ni air bith air thalamh. Ata è ann caileigin cosmhuil ris a’ cheangal ata eidear am fear ain-fhiach agus an t urras, thaobh gur ann trid a’ cheangail so ata fireantachd, agus dioladh Chriost air a meas do ’n chreidmhich, no cosmhuill ris a cheangal ata eidear an ceann agus na buill, no ’ta eidear am freamh agus na meanglain, thaobh gur an leis ata ’n Spiorad o Chriost, ag toirt gach aith bheothacha’ agus urachaidh grais do gach fior chreidmhich, 2 Cor. 5. 21. Col. 2. 19. Eoin 15. 5. 1 Cor. 6. 17. C. Nach ’eil na sgriobtuire ag radh gu bheil na creidmhich ann Criost, agus Criost ann sna creidmhich trid feartaidh a cheangail so? F. Ata. Rom. 8. 1. 10. 2 Cor. 5. 17. agus 13. 5. C. Creud iad bainn a cheangail so eidear Criost agus na creidmhich? F. Ata ’n Spiorad air taobh Chriost a gabhail greim dh’ inne; agus ata creidimh air ar taobh-ne ag greimeacha’ re Criost. [TD 148] C. Creud an tairbh ata na creidmhich ag faghail trid a cheangail so? F. Le so ata co-mhothach’ aca o Chriost ann ’n am fulangasaibh, agus co chomunn re Criost ann a iomlanachd san, agus do bhri’ gu bheil eisean beo, bithidh iadsan beo mar an ceadna. C. Am feadar an ceangal so sgaoileadh air doidh air bith? F. Cha ’n fheadar; oir ge ta ’m bàs a sgaoileadh gach ceangail air thalamh cha sgaoil è so, oir ata dus nan creidmhich ànn san uaigh ceangailte re Criost, mar ata an anamanna air neamh. C. Creud as eigin dhuinn’ a dheanamh chum ’s gu ’m bitheamaid air ar ’n aonachadh re Criost? F. ’S eigin dhuinn sior mhothach’ a bhi aguinn air ar truaighe as eagmhuis Chriost, cul a chuir re ar pheacaidh-ne ata ’g ar sgaradh o Chriost, agus gabhail ris le beo chreidimh mar ’ta è air a thairgse ann san t soisgeil. C. Cionnas a rigeas sinn air creidimh an gràs aon-achaidhe so? F. Bitheamaid ag amharc air an Spiorad naomh, agus a glaodhach ris chum so oibreacha’ ann ainne. C. C’ uin’ ata ’n Spiorad a deanamh so? F. Ann ar gairm eifeachdach. Ceist XXXI. Creud is gairm eifeachdach ann? F. Is gairm eifeachdach ann, obair spiorad De, leis am bheil s e ’g ar fagail ris ionnain fein am peacaidh, agus truaighe, ag foillseacha ar ’n inntine ann eòlas Chriost, ag ath-nuadhachadh ar toile, agus air a lorg sin ’g ar deanamh deonach agus comasach air Josa Criost’ a dhlu’-ghabhail [TD 149] chugain, mar ata s e air a thairgse dhuinn’ gu saor ann san t soisgeul. C. Nach ionnan do ghairm eifeachdach, agus do iompochadh is aith ghineamhuin? F. ’S ionann. C. C’ ar son a deirir gairm re ar ’n iompocha? F. Do bhri’ gur h ann le guth no focal an Tighearna ’ta sinn’ air ar dusgadh o chodal a pheacaidh, air ar pilleadh o ar seachranaibh, agus air ar toirt dha-thigh ’g a ionnsaidh fein. C. C’ ar son a deirir gairm eifeachdach ria? F. Do bhri’ gu ’m bheil eifeachd innte thoirt an anma dh’ ionnsaidh Dhia, agus ’g a h eidir-dhealuch’o ghairm an fhocail o ’n leith muigh, nach ’eil dh’ i fein foghainteach a bhuadhach oirne, “oir, ata moran air an gairm ach beag air an tagha,” Mat. 22. 14. C. Creud ata thu cialluchadh le beag a bhi air an tagha? F. Gur tearc iad ata air an taruing gu h eifeachdach a ghabhail ris a ghairm so. C. Co d’ an obair a ghairm so? F. Is i obair Spioraid De i. C. C’ ar son a deirir obair ria? F. Do bhri’ nach ’eil i air a criochnacha’ uil’ air thùs ach air a toirt air a h aghaidh o cheim gu ceim. C. Creud iad ceimeana eag-samhail obair an Spioraid ata air an ainmeacha’ ann sam fhreagra? F. Ata, 1. Obair geur mhothachaidh. 2. Obair soillsicheadh. 3. Obair ath-nuadhachaidh. C. Creud an staid o’m bheil an t anam air a ghairm leis an obair sò? F. O staid peacaidh, dorchadais, naimhdeis, traillealachd, agus truaighe. C. Creud an staid chum am bheil an t anam air a ghairm? [TD 150] F. Chum staid grais, soluis, sith saorsa, agus sonuis. C. Cia uaithe ’ta è tachairt gu bheil Dia a’ gairm cuid agus a’ leigeil cuid eile seachad? F. O dheadh rùn agus o thoil fein, agus ni h ann o fhiu’-eantas no maith air bith ann ta san. C. Creud na meadhona leis am bheil an Spiorad a’ gairm dhaoine? F. Le guth agus ministreileachd an fhocail gu h airid. C. Ann è guth an lagha no guth an t soisgeil d’ am bheil è deanamh feum ann san obair so? F. Ata è deanamh feum dhiubh mar aon; do ’n lagh chum ar truaighe a leigeil ris dhuinn, agus do’n t soisgeil a nochdadh na cungaidh leigheis dhuinn’. C. Creud é a’ cheud cheim a dh’ obair an Spioraid ann ar gairm eifeachdach? F. Mothachadh thabhairt dhuinn’. C. Creud ata ’n Spiorad a’ toirt mothachadh dhuinn’ air? F. Ata è toirt mothachadh dhuinn’ air ar peacaidh agus ar truaighe-ne, eadhon, air an staid shalach agus thruagh ann san d’ rugadh sinn’ agus ann sam bheil sinn ag fantain, gus am biodh atharrachadh gràsmhor air oibreachadh annaine. C. Ciod è an ni ann sa pheacadh ’ta ’n Spiorad a ’toirt mothachadh dhuinn’ air? F. Ata è toirt mothachadh dhuinn’ air an olc, a chrosantachd, a chionta, agus an truaill’-eachd ata ann, air an tobar o ’m bheil è ag srutha, air aireamh ann tromachadh, agus a dhroch thoilteanas. C. Creud na mheadhona leis am bheil an Spiorad a’ toirt dhaoine gus a gheur mhothacha’ so do ’n pheacadh? F. Le àitheantaibh agus le bagraibh an reachd le slata smachduchaidh, agus le’n coguise fein. [TD 151] C. Nach fead aon air bith dhuibh sin, mothachadh thoirt dhuinn’ as eagmhuis an Spiorad? F. Cha ’n fhead. C. Nach b’ i so aon do na criocha mòr m’ an deach’ an Spiorad a chur amach? F. B’ i, Eoin 16. 8. C. Nach’ ’eil fior iompuchadh air bith gun an geur mhothacha’ so dhol air thoiseach air? F. Cha ’n ’eil; oir, a’s eagmhuis cail-eigin dh’ e so, cha ’n fhaic sinn ar feum air Criost, ni mo thig sinn ’g a ionnsaidh chum cuideach fhaghail. C. Ann ionnan tomhas ata aig gach neach ata air am fior iompocha’ do ’n mhothacha’ so? F. Cha ’n ionnan, oir ata an tuile aig cuid, agus n’ is ludha aig cuid eile do reir naomh thoil De. C. Creud an tomhas da ’n mhothacha’ so ’ta feumail do na h uile ’ta iompoighte? F. Ata urrad dh’ e feumail is a leigeis ris do ’n duine a staid chailte, agus a bheir air meas a bhi aige do Chriost thar gach ni eile, agus bhi toileach dealuchadh ris gach aon ni air a shon sin. C. Am bheil fior iompochadh do ghna’ ag leantain air obair mothachaidh? F. Cha ’n ’eil; oir cha tearc iad ata cosmhail re Judas, agus re Felix, aig, am bheil trom mhothacha’ nach ’eil a’ teachd gu feum air bith. C. Cionnas ata è tachairt gu bheil a’ mothachadh ’ta aca sin a teachd gaoirid? F. Do bhri’ gu ’m bheil iad ga mhuchadh, agus a’ dol a dh’ ionnsaidh an t saoghail, agus cha ’n ann a dh’ ionnsuidh Chriost chum fois fhagail, ni mo ata gne cheart ann ’n am mothachadh sin. C. Creud an t eideir-dhealuch’ ata eidear a mothachadh ’ta aig’ daoin’ ann staid naduir, agus an droing ata fior airighte? F. Ata mothach’ ata aig daoin’ an staid na- [TD 152] duir ag srutha o choguis nadurra, agus o eagal ifrinn, ach ann san dream eile, ta è ag srutha o oibreachadh an Spiorad, agus o shealladh do ’n olc ata san pheacadh, do mhaitheas De, agus do fhualangasaibh Chriost. 2. Ata cheud chuid gu sonruighte air son peacaidh graineil, agus follasach; ach ata chuid eile righeachd peacaidh a chridhe agus na nithe as diomhaire. 3. Ata mothach’ ata ag daoin’ ann staid naduir air a leighis le nithe saoghalta, ach a’ mothach’ ata aig luchd fior aithreachais le fuil Chriost amhain. C. Creud è an dara ceim a dh’ obair an Spioraid ann an gairm eifeachdach? F. Obair soillsicheadh thaobh na cungaidh leighis. C. Am bheil ar ’n inntine ann dorchadas air an doidh so thaobh naduir gus an soillsich an spiorad iad? F. Ata. C. Cia leis ata è ag soillsicheadh ar ’n inntine? F. Le eòlas Chriost ar ’n urras-ne, agus ar slanuigh-fhear amhain. C. Nach ’eil ain-eòlas air Criost na chomhartha brònach air neach a bhi as eagmhuis na gairm eifeachdaich so? F. Ata. C. Creud è an t eólas air Criost, no an sealladh dh’ e ata ’m peacach a faghail tre soilsicheadh an Spioraid? F. Ata è ag faghail eòlas air oirdheirceis Chriost, ann a phearsa, ann a oifigeadh, ann a fhireantachd, agus na iomlanachd air a dheasuchadh do na peacaich ata creidsin; ata è ag faicsin gu bheil Criost uil’ fhoghainteach agus lan chomasach a shaoradh gu h iomlan, ata è faicsin gu bheil saidhbhreas Chriost iomchuidh air gach doigh air son uir-easbhuidh an anma gu leir, agus gu bheil è toileach a theagasg na h uile thig ga ionnsaidh chum furtachd fhaghail. [TD 153] C. Creud iad na meadhona leis am bheil an Spiorad ’g ar soillsicheadh an eólas Chriost? F. Searmonachadh an fhocail gu coitcheann, Gniomh. 26. 17. 18, Rom. 10. 17. C. Nach ’eil an soisgeul agus an lagh mar aon feumail ann ar ’n iompochadh? F. Ata, oir ’ta ’n lagh feumail chum ar ’n easlaint a leigeil ris dhuinn’, agus an soisgeul chum eòlas a thoirt dhuinn’ air Criost leigh an anma: ’Ta ’n lagh feumail mar an ceadna a thoirt mothachaidh dhuinn’ air ar peacaidh-ne, agus an soisgeul g’ ar treorachadh chum an t slanui-fhir. C. Nach fead inntine cuid do luchd eisteachd an t soisgeul, bhi ga mor air an soillsicheadh, gun bhi air an gairm gu h eifeachadh, no air an iompochadh? F. Feadaidh; oir bha moran soilleireachd aig Balaam, agus ata sinn ag leaghadh air cuid a bha aon uair air an soillsicheadh, gidheadh a chul-sleamhnuigh o Chriost gu tur, Eabh. 6. 4. 6. C. Cionnas a bhios fios aguinn’ am bheil an t eólas sin air Criost ata sinne faghail, fior agus slainteil? F. Is comhartha maith air ar ’n eòlas, ma bhios è ’g ar ’n irioslachadh faoi mhothachadh d’ ar grainealachd; ma ’ta è ag fadadh teas ghradh ann ar ’n anamaibh do Chriost, agus dian thogradh bhi’ cosmhuil ris, ma ’ta è ’g ar tarruing chum slaint ar ’n anama earbsa ris sin amhain, ma ’ta sinn a’ toirt fuath do ’n pheacadh mar ar namhad a’s mo, agus ag oirpeachadh eisean a thoileachadh ann s gach ni. C. Creud è an treas ceim a dh’ obair an spioraid ann sa ghairm eifeachdaich? F. Bhiodh ’g ath-nuadhacha’ na toile. C. Creud ata thu cialluchadh leis an spiorad a bhi ’g ath-nuadhach toil an duine? F. Bhi ag toirt toil nuadh agus so aomaidh dh ’a le bhi cur rùn agus fonn nuadh innte, a roghnachadh a mhaith, agus a dhiultadh an uilc. [TD 154] C. Am bheil an Spiorad leis an obair chumhachdach so air an toil, ag deanamh ain neart air saor thoil an duine? F. Cha ’n ’eil; oir ata s é ’g a tarruing air doidh a choirdeas re a nadur, agus gu milis ag atharrach’ a crosantachd agus a ceannairc gu umhlachd thoileach. C. Cionnas a dh’ aithnicheas sinn am bheil ar cridhe, agus ar toil air an ath-nuadhachadh? F. Feadaidh sinn fios a bhi aguinn air a so, le bhi gabhail re Criost ann a uil’ oifigeadh; le roghain a dheanamh air a thoil agus a ghloir sin o’s gach toil inntin shaoghalta; le speis a bhi aguinn do’n mhaith a dh’ fhuathaigh sinn roimh so, agus le ’r fuath do ’n olc d’ an roibh cion aguinn san aimsir a chuaidh seachad. C. Am bheil é nar comas fein ar toil ath-nuadhachadh, no h atharrach’ o olc gu mhaith? F. Cha ’n ’eil; ni bheil comas aguinne so a dheanamh, ni ’s mo na ’ta aig an Ethiopianach a chraicean a mhalairt, no an leopard * a bhreice. C. Creud a ni sinn ma ’ta chum ’s gu ’m bitheadh an t ath arrachadh gràsmhor so air oibreachadh ionnaine leis an Spiorad naomh? F. ’S eigin dhuinn geur mhothachadh bhi aguinn air olc & truaighe a pheacaidh, feitheamh gu curamach air meadhonaibh na slainte, amharc gu furachair re Dia trid Chriost, bhi ag tagradh oibreachadh an spioraid air ar cridheachan, agus le cùram bhi gabhail r’a impidh ’n tra’ thoiseach as è re oibreachadh. C. Creud a chrioch ata aig an Spiorad ann an obair mothachaidh, soillsicheadh, agus ath-nuadhachaidh ann an gairm eiseachdach? F. Chum impidh chur oirne leò sin, agus chum ar neartuchadh a ghabhail re Criost mar ’ta è gu saor air a thairgse dhuinn ann san t soisgeul. C. Creud ata air a chialluchadh leis an Spiorad a * a bhallaibh. [TD 155] bhi cur impidh oirne, agus ’g ar neartuchadh a ghabhail re Josa Criost? F. E bhi ag buadhach’ oirne ’g ar socruchadh, air Criost, agus ’g ar deanamh comasach agus toileach a ghabhail ris mar ar slanuigh-fhear, le bhi ag aontachadh leis na cumhnantaibh ’ta è cur mar comhair ann san t soisgeul. C. Creud ata thu cialluchadh leis an t soisgeul? F. Sgeul aoibheach ait’ na slainte trid Josa Criost, air a dheacadh le Dia do na faidhibh, agus do na h abstolaibh, air a sgriobhadh leo san, agus air a chraobh sgaoileadh le theachdoiribh do pheacaich chailte chinneadh dhaoine. C. Creud iad na cumhnantaibh air am bheil Criost air a thairgse do pheacaich ann san t soisgeul, chum ’s gu gabhadh iad ris? F. Ata è air a thairgse mar thiodhlac saor o neamh, ’n a uil’ oifigeadh, mar fhaidh, mar shagairt, agus mar righ, agus ’s eigin dhoibh gabhail ris do reir sin. C. Creud ata air a chialluchadh le bhi dlu’ ghabhail Chriost, mar ata é gu saor air a thairgse ann san t soisgeul? F. Gu r eigin dhuinn’ teachd a dh’ ionnsuidh Chriost gun airgiod gun luach; eadhon, gu ’m biodh mothach’ aguinn’ gu bheil sinn faoi eas-bhuidh gach ni ’ta maith; agus nach ’eil buaidh no duais aguinn leis an ceannaich, no leis an cosain sinn Criost, ach gur eigin dhuinn teachd aimbeartach agus le laimh fholamh, lan thoileach a ghabhail re Criost le uile shaidhbhreas sin, chum ar sgeuduchadh leis gach ni ’ta feumail dhuinne. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinne ma ghabh sinn re Criost, air an doigh so? F. Le fein cheasnuchadh dicheallach, gu sonruichte ag feuchain am fead sinn a radh, gu do ghabh sinn re Criost, cha ’n ann amhain chum logha cionta, agus slainte shiorruidh, ach mar an ceadna chum naomhachadh agus nuadhachadh [TD 156] beatha, ag creidsin ann, agus ag earbsa ris, mar adhbhar cosnadh, agus tobar na naomhachd, co mhaith re fireanacha’ agus gloruchadh. C. Am feadh duin’ air bhith gabhail re Criost air an doidh so gus am bi é air a dheanamh deonach agus commasach leis an Spiorad? F. Cha ’n fhead. C. Nach ’eil fuath aguinn’ thaobh naduir ai gabhail te tairgse slannui’-fhear? F. Ata; agus uime sin, ’s eigin impidh chuir oirne chum so a dheanamh. C. Nach ’eil sinn as eagmhuis neart chum gabhail ris, co mhaith is ’ta sinn neo’-dheonach? F. Ata, agus uime sin, ’s eigin dhuinn bhi air ar neartuchadh chum gabhail ris. C. Nach fead riosona moralta, mar ’ta earailibh, bagraibh, agus geallaibh an fhocail impidh chuir air peacaich gabhail re Criost? F. Cha ’n fhead iad sin dhuibh fein a dheanamh; ni ’s mo na dh’ fheadas gathan na greine solus a thoirt do dhuine a rugadh dall, no argumainte na mairbh a dhusgadh as an uaighe: Oir ata sinne thaobh nadurra dall agus marbh ann am peacaidh. C. Am bheil an cumhachd ceadna ma ’ta feumail ann san ath nuadhachadh, agus ann ar ’n iompochadh is ata ann ar cruthachadh agus ann ar ’n ais-eirigh? F. Ata. Ceist XXXII. Cia iad na sochaire ata an droing ata air an gairm gu h eifeachdach ag faghail san bheatha so? F. Is iad na sochaire ata an droing sin ag faghail san bheatha so, fireanachadh, uchd-mhacachd, agus naomhachadh; agus gach uile shochair ata aig sruthadh uatha san bheatha so. [TD 157] C. Am bheil coir aig an dream ata air an gairm gu h eifeachdach air tiodhlacaibh agus sochairibh sonruighte ois ceann dhaon’ eilé? F. Ata. C. C’ uin’ ata’ na sochairibh sin air an co’-partuchadh riu? F. Ata cuid dhiubh aca sa beatha so, agus a chuid eile san ath-bheatha: ata cuid aca ann laimh, ach moran ni as mò ann dochas. C. Creud iad na sochairean, no an tairbh ataid ag faghail san beatha so? F. An triuir sin gu h airid, eadhon, sireanachadh, uchdmhacachd, agus naomhachadh. C. Am bheil na h uile ’ta air an gairm gu h eifeachdadh air am fireanachach, air an uchd-mhacacha, agus air an naomhachadh le Dia ann sia bheatha so? F. Ata. C. Creud as seagh do na briathraibh sin fireanacha’, uchd-mhacacha’, agus naomhachadh? F. Gu bheil an dream ata ’g an faghail air an saoradh o chiont a’ pheacaidh, gu bheil iad ag fas ’n an cloinn do Dhia, agus air an deanamh naomha. C. Am bheil naomhachadh ma seadh na beannucha agus na sochair shonruighte dhuinne, amhail is mar ata i na dleasdanas fiachaicht oirne? F. Ata. C. Am bheil na tri sochairean so ag teachd aon-fhilt air an dream ata air an gairm gu h eifeachdach? F. Cha ’n ’eil; oir ata iomad sochair eile an crochadh riu, no ag srutha uatha; mar ’ta sith coguis, dol a dh’ ionnsuidh Dhe le danadas, lan dearbhadh air a ghradh, freasdal athaireil, fas ann gràs, &c. C. Co iad ma ’ta an dream is mo sonas san t saoghal so fein? [TD 158] F. Iadsan ata air an gairm gu h eifeachdach; oir ata sochaire aca san moran ois cionn dhaoin’ eile. Ceist XXXIII. Creud is fireanachadh ann? F. Is e fireanachadh gniomh saor ghrasa De, leis am bheil se ag maitheamh dhuinn’ ar ’n uile pheacaidh, agus a’ gabhail ruinne mar fhireanaibh ann a fhiadhnais fein, agus sin amhain air son fireantachd Chriost air a meas dhuinne, agus air a gabhail chugain le creideamh amhain. C. Am bheil am focal so, fireanachadh a cialluchadh, neach a dheanamh co’-thromach no ionraic, le fireantachd o ’n leith stigh a cho-pairteachadh ris, mar ata naomhachadh a’ cialluchadh duine dheanamh naomh air an doigh sin? F. Cha ’n ’eil; oir nam b’e sin bu sheadh dh’a, bhitheadh è ’na amladh ag cur fireanachadh an àite naomhachadh, ni ann sam bheil na Papanaich ciontach. C. Ciod e ma ’ta as fior sheagh do ’n fhocal fireanachadh? F. Is focal è a bhuineas do lagh, air a ghabhail o ghnathachadh cuirtibh ceartais ameasg dhaoine; agus s è as seagh dh’a neach fhuasgladh o chionta no smachducha’, agus a thaisbein ionraic agus neo’-chiontach. C. Co d’ an gniomh am peacach fhireanachadh? F. Is è gniomh Dhe è; oir ’s è Dia ata fireanacha’, Rom. 8. 33. C. Am bheil Dia a’ fireanachadh, nan daoine mi-dhiadhaidh? F. Ata, Rom. 4. 5. C. Nach ’eil é air a sgriobhadh, Sean 17. 15. An ti ’ta fireanachadh nan aingidh, is graineil le Dia é? [TD 159] an dean è fein an ni sin d’ am bheil é gabhail grain ’an neach eile? F. Ata Dia gu deimhin a’ gabhail grain do bhi fuasgladh nan aingidh as eagmhuis dioladh fhaghail d’a cheartas, ach ’n tra ’ta Dia ag fireanachadh nan daoine mi-dhiadhaidh, san ann lorg dioladh iomlan bhi air a thabhairt d’a cheartas ata è ’g a dheanamh. C. An fead duine mi-dhiadhaidh air bith misneach a gabhail uaithe so, chum è fein a mheas ann aireamh nam fireanach? F. Cha ’n fhead; oir ge ’ta Dia a’ fireanachadh na dream a bha mi-dhiadhaidh roimh laimh, gidheadh cha ’n ’eil a h aon dhiubh sin ag buanacha’ ’n am mi-dhiadhachd an diaidh am fireanachadh, agus ata an dream ata ag buanacha’ mar sin a’ taisbein gu soilleir nach roibh iad riamh air am fireanachadh, oir ata fireanachadh agus naomhachadh neo’-sgathrail? C. C’ ar son is gniomh agus nach obair a deirir re fireanachadh? F. Do bhri’ gur ni è ta ga chriochnachadh air ball, cosmhuil re binn’ no fuagradh breitheamh, agus cha ’n obair è, ni a bhios air a toirt air a h aghaidh a chuid a chuid, mar ghairm eifeachdach agus naomhachadh. C. Creud è ceud adhbhar a’ ghniomh so F. Saor ghràs De, eadhon, a ghradh agus a dheadhghean sin, as eagmhuis toilteanais a pheacaich, gun fhuigheantas no fearta air bith ann ’ta fein. C. Creud iad na nithe d’ am bheil fireanachadh air a deanamh suas? F. Ata dias air an ainmeacha’ ann san fhreagra, eadhon, ar peacaibh bhi air an logha le Dia, agus eisean a bhi gabhail r’ ar pearsaidh mar ionraicean. C. Creud è adhbhar cosnadh ar fireanachadh? F. Fireantachd Chriost amhain. [TD 160] C. Ann an air sgath na fireantachd so ata Dia ag logha ar cionta, agus a gabhail r’ ar pearsaidh mar aon? .F ’S ann. C. Creud ata thu cialluchadh le fireantachd Chriost leis am bheil sinn air ar fireanachadh? F. Cha ’n è fhireantachd, no cheartas nadurra mar Dhia, ata neo-rann-phartuighte; ach fhireantachd urrais, a choi lion è ann ar ’n ionad ne mar Dhia-dhuin’ agus eidir-mheadhoin-fhear, a dhioladh ceartais agus a dh’ arduchadh lagh Dhe. C. Ciod é ann san roibh fireantachd urrais Chriost ag co’-sheasamh? F. Ann a umhlachd thaoibh deanadais agus fulangais. C. Creud i umhlachd deanadais Chriost? F. An umhlachd iomlan a thug è do àitheantaibh an reachd, le bheatha naomha, ’ta air a meas do na creidmhich; thaobh, “Trid umhlachd an aon duine so, gu bheil moran air an deanamh nan fireanaibh,” Rom. 5. 19. C. Creud i umhlachd fulangais Chriost? F. Gu ’n d’ fhuiling é paineachas an lagha bha dligheach dhuinne air son peacaidh, leis an d’ thug è lan dioladh do cheartas De. C. Ma thug Criost dioladh lan iomlan do cheartas De, air son ar peacaidh’ ne, cionnas a deirir gu’m bheil ar fireanachadh o shaor gràs? F. Ata an dias sin gu sar mhaith ag co sheasamh ’r a cheile, do reir Rom. 3. 24. “Air dhoibh bhi air am fireanachadh gu saor le a ghràs, tre an t saorsa ’ta ann Josa Criost,” ata è gu h iomlan saor dhuinne, do bhri’ gu bheil Dia gu gràs-mhor a gabhail re fireantachd agus dioladh o ar ’n urras-ne, ni a dh’ fheadadh è iarraidh uainn’ fein. Ata è saor, do bhri’ gur h è Dia fein a fhreasdal an t urras dhuinn’ agus a leasaich è chum ar ’n ain fhiach ne a dhioladh, ’n uair nach roibh è ’n ar comas fein neach fhaghail a dheanamh so. Ata è saor do bhri’ nach ’eil Dia ag iarruidh [TD 161] dadum oirne ach creidsin ann san fhear urrais, agus ata è gealtain an creidimh so thoirt dhuinne gu saor mar an ceadna, mar so ata ar fireanachadh gu h iomlan o shaor ghràs dhuinne. C. Cionnas ata fireantachd Chriost air a meas dhuinne? F. Le Dia a bhi ’g a meas dhuinne, eadhon, ’g a cur as ar leith, mar gu coi’-lionamaid fireantachd fhoirfe ann ar pearsa fein dh’a. C. Cionnas ata é do reir, firinn, Dia bhi ’g ar meas’ ne n’ar fireanaibh nach ’eil da rireadh mar so? F. Cha ’n ’eil è gar meas ne ’n ar fireanaibh mar ata sinn annain fein, ach ann an Criost ar ’n urras, neach ata na fhireantachd amhain am fiadhnais De; amhail mar fhear fiachaibh ann diaidh dh’a dioladh fhaghail o’n urras, a bheir suas a chuntas do ’n fhear ain-fhiach, agus a mheasas saor è do reir an reachd, 1 Cor. 1. 30. 1 Cor. 5. 21. C. An roibh na naoimh faoi ’n t sein tiomnadh air am fireanachadh le fireantachd Chriost amhail as mar ata sinne? F. Bha. C. Cionnas á dh’ fheadadh sin bhith’, thaobh gu ’n do bhásaich iad m’ un roibh fireantachd Chriost air a coi’lionadh? F. Chreid iad ann sa Mhesiah a ghealladh a bha re teachd gu bhi na iobairt air son peacaidh, a thoirt a steach fireannachd shiorruidh, agus ghabh Dia r’ an creidimh ann san chum am fireanachadh. C. Cionnas ata é soilleir gu roibh iad ag earbsa re Criost chum am fireanachadh? F. Do bhri’ gu bheil è air innseadh dhuinn gu roibh an soisgeul air a shearmonachadh dhoibh, gu fac iad na geallana fad o laimh, gu ’n do ghabh iad riu, gu failteach. Bha Criost air a chuir amach dhoibh le fai’-dearachdaibh o shein, le [TD 162] samh-luighean agus iobairtean, agus mar so, bha iad ag amharc air Criost mar an t uan a mharbhadh o thoiseach an t saoghail. Chunnairc Abraham la Criost fad o laimh, bha fios aig Job gu roibh fhear-saoruidh beo, ata Isaiah ag roimh innseadh gu ’n d thugadh Criost anam mar iobairt air son pheacaidh; agus ata è gairm gach duine dh’ amharc air sin chum slainte; agus ata è ’g a chomharthach ’mach mar an ti ann san roibh ar fireantachd agus ar neart, mar an ti ann sam bithidh Israel air an teasairgin agus an san deanadh iad uaill. Ata Jeremiah ag radh, an Tighearn’ ar fireantachd ris. Ata Daniel ag radh gu ’n deanadh è reite air son peacaidh, gu ’n d’ thugadh è steach fireantachd shiorruidh; agus chum na criche so gu ’m bithidh a’ Messiah air a chuir gu bàs, Eabh. 4. 2. & 11. 13. Tais. 13. 8. Eoin 8. 56. Job 19 25. Isa. 53. 10. & 45. 22. 24. Jer. 23. 6. Dan. 9. 24. 26. C. Creud a mheadhoin leis am bheil sinn a’ gabhail re fireantachd Chriost agus ’g a cuir ruinne? F. Le creidimh amhain, Rom. 3. 22. C. Am bheil creidimh g’ ar fireanachadh mar ’s è ar ’n obair no ar gniomh fein è? F. Cha ’n ’eil, ach amhain mar lamh no meadhon leis am bheil sinn a’ gabhail re fireantachd Chriost, agus ’g a cho’ chur, agus ’s è so fior adhbhar ar fireanaichaidh an lathair Dhe. C. C’ ar son a b’ aill le Dia gu ’m bithidh creidimh amhain na mheadhoin ar fireanachadh? F. Chum a nochdadh gur h ann o shaor ghràs ata ar fireanachadh gu h iomlan, oir ’s è nadur an fhior chreidimh è fein aich-shean agus an uile-ghloir a thoirt do Dhia, Rom. 4. 16. C. An ionann seadh do na briathraibh ’ta ag radh gu bheil sinn air ar fireanachadh le fireantachd Chriost, agus do na briathraibh ata ag radh gu bheil sinn air ar fireanachadh le creidimh? [TD 163] F. S ionann, ’s i fireantachd Chriost a chosain ar saorsa, agus ’s è creidimh a mheadhoin ata ga co’-chur. C. Am bheil sinn air ar fireanachadh ann cuid le fireantachd Chriost, agus ann cuid eile le ’r fireantachd fein? F. Cha ’n ’eil; oir cha ’n fhead sinn an ni as lugha d’ ar maitheas fein a chuir re fireantachd Chriost ann ar fireanachadh, uime sin ata an abstol Pol ag deimhineachadh dhuinne gu bheil sinn air ar fireanachadh tre creidimh a’s eagmhuis oibridh an lagha, Rom. 3. 28. Col. 2. 26. C. Cionnas ma ’ta ata ’n abstol Seumas ag radh, gu ’m fireanaichear duine le oibridh, agus ni h ann le creidimh amhain? F. Ata è soilleir o ’n choi’-theagasg, nach ’eil Seumas ag labhairt air ar fireanachadh ann lathair Dhe, ach air fireanachadh duine agus a chreidimh ann lathair dhaoine: mar so, ’ta deagh oibridh ag nochda’ ann lathair an t saoghail gu ’m bheil sinn air ar fireanachadh, agus a taisbean gu bheil ar creidimh fior agus beothail, thaobh gur iad deadh oibridh fior thoradh a chreidimh agus uime sin, deir an t abstol, nochdaidh mise dhuitse mo chreidimh le m’ oibridh, agus rinneadh creidimh Abraham iomlan le oibridh, Seum. 2. 18. 22. C. C’ar son nach fead sinn bhi air ar fireanachadh an lathair Dhe le ar ’n oibridh fein? F. Do bhri’ gu bheil an saoghal uile ciontach agus ar ’n uil’ oibridh neo’-iomlan ann lathair Dhia; agus ata eisean na mhor cho’-throm ag iarruidh fireantachd iomlan. C. Am bheil feum air bhith ma ’ta ann deadh oibribh? F. Ge nach fead iad ar fireanachadh ann lathair Dhe, gidheadh ata iad ro fheumail chum Dia a ghloruchadh; agus a cho’-dughadh treibh-dhireachd ar creidimh; agus uime sin, ata è air àithne [TD 164] do gach creidmhich bhi curamach a choimhid deadh oibridh, Tit. 3. 8. C. Nach ’eil adhbhar aguinn’ creidimh agus fireanachadh duine chuir an teagamh ’n uair nach faicear naomhachd agus deadh oibridh na lorg? F. Ata; oir leis a’ cheart chreidimh leis am bheil duin’ air fhireanachadh ’ta chridhe air a ghlanadh, agus aithnichear feobhas na craoibh air a toradh, Gniomh. 15. 9. Mat. 7. 16. 17. C. G’ uin’ ata duine da rireadh air fhireanacha? F. Co luadh is a chreideas è gu fior ann an Josa Criost. C. Nach do roimh-orduich Dia na daoine taghta fhireananadh o bhioth-bhuantachd? C. Roimh-orduich; ach cha ’n fhead sinn a tharruing uaithe sin, gu ’m bheil sinn air ar fireanachadh o bhioth-bhuantachd; ni ’s mo na gu roibh sinn air ar cruthachadh o bhioth-bhuantachd, do bhri’ gu do roimh-orduich Dia gu bitheamaid air ar cruthachadh; ’s é na h uile a dh’ fheadas sinn a tharruing uaithe so, gu ’m b’ è rùn gràsmhor an Tighearna o bhioth-bhuantachd ar fireanachadh, agus gu roibh è re tachairt air ball taireas dhuinn’ creidsin. C. Nach roibh na daoine taghta air am fireanachadh ann am báis no ais-eirigh Chriost, do bhri’ gu bheil é air a radh, gu ’n d’ thugadh thairis é air son ar cionta-ne, agus gu do thogadh suas é a-ris air son ar fireanachadh? F. Bha iad air am fireanachadh ann sin thaobh fearta, ach cha roibh a thaoibh sealbh, oir ge do bha an t ain fhiach air a dhioladh ann sin gu coi’-lionta, gidheadh cha ’n ’eil coir aguinne da rireadh air an t saorsadh a chosain Criost, gus am biodh i air a co’ chur. C. Creud i a cheud chuid do fhireanacha? F. Bhi ag logha ar cionta-ne. C. Co aig’ am bheil ughdarras peacaidh a logha? F. Aig Dia amhain, oir ’s ann air sin ata am [TD 165] peacadh ag deanamh eacoir, agus ’s eisean ard bhreitheamh an t saoghail gu leir. Is. 43. 25. C. Nach ’eil cumhachd aig luchd teagaisg peacadh a logha, do bhri’ gu bheil è air a radh riu san, ge b’ e air bith d’ am maith sibh am peacaidh a’ ta iad maithte dhoibh, Foin 20, 23? F. Cha ’n ’eil an cumhachd sin aca san ach air doigh mhinistreil, a thaisbean o fhocal Dhe gu ’m bheil maitheanas peacaidh aig’ gach neach ata re fior aithreachas agus creidimh; mar so cha ’n ’eil ministeiridh ach amhain a’ foillsicheadh gu bheil peacaidh air a maithe air cumhnant creidimh agus aithreachais. C. Nach ’eil cumhachd aig daoinibh diomhair peacadh a mhaithe? Do bhri’ gu bheil Criost ag radh ris na h uile dhaoine, Mat. 6. 14. Mo mhaitheas sibh an cionta do dhaoinibh, maithidh bhur ’n Athair neamhaidh dhuibhse mar an ceadna? F. Ata cumhachd aig daoinibh diomhair a mhain maitheanas a thabhairt ann san ea-coir a nithear orra fein; ach cha ’n ’eil cumhachd air bith aca maitheanas a thabhairt ann san eacoir ata ’m peacadh a deanamh air Dia. C. C’ uin’ ata Dia ag maithe am peacaidh do dhaoinibh? F. ’N uair a chreideas iad an Criost. C. Co dhiubh as gniomh ceartais no trocair maitheanas a thabhairt? F. Is gniomh ceartas agus trocair mar aon è. C. Cionnas ata sin soilleir? F. 1. Is gniomh ceartais ann Dia maitheanas a thabhairt do gach peacach aithrighte ’ta cur re creidimh, do bhri’ gu ’n d’ thug Criost an urras sin dhioladh ann san ain-fhiach, 1 Eoin 1. 9. 2. Is gniomh trocair è mar an ceadna, cha ’n e ’mhain gu ’n do ghabh Dia gu gràsmhor re dioladh o Chriost ar ’n urras-ne, ach gu do fhreasdail è fein an t urras dhuinne. [TD 166] C. Creud é an ni ann san pheacadh ’ta maitheanas a toirt air falbh? F. A’ chiont’ ata ann. C. Creud é sin? F. Am peanas ata sinn ag toillin. C. Am bhil maitheanas ag toirt air falbh droch thoilltineas a pheacaidh? F. Cha ’n ’eil, oir ata peacaidh nan creidmhich ann ’ta fein ag toilltin ifrinn mar ata peacaidh dhaoin’ eile. C. Am bheil maitheanas ag toirt air falbh bith an pheacaidh as an anam gu h iomlan? F. Cha ’n ’eil; oir chi sinn truaill’-eachd a pheacaidh ag leantain ris an dream a fhuair maitheanas, Rom. 7. C. Am bheil gach neach ata faghail maitheanas ag righeachd air lan chinnt air a so? F. Cha ’n ’eil; oir feadaidh duine maitheanas fhaghail o Dhia, agus gidheadh bhi faoi agartas coguis. C. ’N uair ata Dia ag logha ciont’ a luchd muintir, ann iad peacaidh a mhead ’s a chuaidh seachad d’ am beatha amhain ata é ag maithe; no am bheil è mar an ceadna ag maithe nam peacaidh a chuireas iad ann gniomh na dhiaidh sin? F. Ata peacaidh a chuid a chuaidh seachd d’ am beatha da ri readh air an logha, agus ata iad ag faghail coir air maitheanas ann ’s na peacaidh ann san tuit iad ann diaidh laimh, ann lorg dhoibh fior chreidimh, agus aithreachas a chuir ann gniomh, ach cha ’n fheadar a radh gu ’m bheil peacadh air bith air a mhaithe gus an cuirthear ann gniomh é, aus gus an d’ thig am peacach a dh’ ionnsuidh fuil Chriost chum maitheanas fhaghail ann C. Nach ’eil diom aig Dia re peacaibh na dream ata air am fireanachadh? F. Ata. [TD 167] C. Ciod e a ghne fheirg ata é taishein nan aghaidh? F. Cha ’n ’eil fearg dhioghaltach aige riu, mar ata aige re peacaidh luchd aingidheach, ach amhain diom Atharail, agus feadaidh slata smachdachaidh agus folach a ghnuis chardeil bhi nan co’-chuideachd so, nach fhead bhi air a h aisig dhoibh a ris gus an irioslaich iad iad fein gu treimh-dhireach air son am peacaidh, ag ath-nuadhach’ an creidimh agus an aithreachas, agus le urnaigh dhurachdach re Dia ag iarruidh maitheanais. C. Cionnas a bhios fios aguinn’ am bheil ar peacaidh air am maithe dhuinne? F. Le ’r gradh do Chriost a chosain è, le ’r dian thogradh bhi cosmhuil ris, le ’r bròn, air son ar peacaidh leis an do lot’ sinn eisean, le ’r ’n eagal ann an doilghios a chuir air Criost san aimsir re teachd, le treibh-dhireas ar cridhe agus le bhi ullamh a thoirt maitheanas do dhaoin’ eile, Luc. 8. 47. Rom. 8. 1. Sal. 130. 5. Mat. 18. 35. C. Creud é an dara ni ann ar fireanachadh? F, Dia a bhi gabhail ruinne mar ionracain ann a lathair sin. C Creud ata thu cialluchadh le sin? F. Gu ’m bheil Dia ’g ar meas mar fhireanaibh, agus ’g ar lan shaoradh o chionta, gu ’m bheil è gu cairdeil ag ceaduchadh dhuinn teachd na lathair, agus a’ gabhail re ar pearsaidh agus re ar seirbheas air sga’ fireantachd Chriost ata cur dion orra mar aon. Ceist XXXIV. Creud is uchd-mhachd a ann! F. Is i an uchd-mhacachd, gniomh saor-ghràsa De, leis am bheil sinne air ar gabhail ann aireamh chloinne De, agus leis am [TD 168] bheil coir aguinn air gach uile shochair, agus urram a bhuineas dhoibh. C. Am focal sgriobtur uchd-mhacachd? F. ’S eadh, Rom. 1. 25. Gal. 4. 4. Eph. 1. 5. C. Creud as seadh do ’n fhocal, no creud i uchd-mhacachd? F. A ’measg dhaoine ata è cialluchadh aon ata ’na choigreach a ghabhail a steach do theaghlach, a mheas mar Mhac, no Oighre, agus freasdal dh’ a air an doigh sin. Mar so, ’n tra’ ta Dia ag uchd-mhacach nan creidmhich, ata è cialluchadh è bhi ’g an tabhairt sin a bha nan coigrich thaobh naduir a steach d’ a theaghlach fein, agus bhi gabhail riu mar a mhic agus ingheana, agus a’ toirt coir dhoibh air uile shochaire a chloinne sin. C. Cia lion gne chloinne ’ta air an ainmeachadh air Dia ann san sgriobtur? F. Tri; ’S e Josa Criost Mac Dhe trid ginealach shiorruidh, ann san aon nadur ris fein, Sal. 2. 7. 2. Deirir clann De re ainglibh agus re h Adhamh, do bhri gu ’n do chruthaiche gu neo’-mheadhonach le Dia iad Job 38. 7. Luc. 3. 38. 3. Ata na creidmhich nan cloinn dh’ a trid uchd-mhacachd, Eoin 12. 1. 1 Eoin 1. 3. 1. C. Co d’ an gniomh an uchd-mhachachd? F. ’S e gniomh Dhe i. C. C’ ar son a deirir gniomh ria? F. Do bhri’ gu bheil i air a deanamh re h aon uair. C. Ciod a ghne gniomh ata an so? F. Gniomh saor ghrais De. C. C’ ar son a deirir sin ris? F. Do bhri’ gu ’m bheil è gu h iomlan a srutha’ o ghradh agus o dheadh ghean Dhe, peacaich do ’n chinneadh dhaoin’ uchd-mhacacha’ agus an gabhail a steach d’ a theaghlach fein. C. Am bheil ni air bhith ’n as ion-mhiannuighe [TD 169] ann aon neach, na ata ann neach eile a bhrosduchadh Dhia chum uchd-mhacacha g’ a theaghlach fein? F. Cha ’n ’eil. C. Creud an staid am bheil na peacaich m’ am bheil Dia ’g an uchd-mhacach? F. Ni bheil gliocas, no maise, no naomhachd, no ni maith air bith aca ’g an deanamh taitneach do Dhia, ach ataid dubh mar Ethiopianaich, nan cloinn feirge, n an coigrich do Dhia; agus do theaghlach an Diabhoil, ’n uair ata è g’ an uchd-mhacach, agus g’ an toirt a steach d’ a theaghlach fein. C. Nach iongantach an gràs agus an deadh-ghean ann Dia, cha ’n è ’mhain, maitheanas a thoirt do cheannaircibh co mhòr, ach mar an ceadna, clann agus oighreachan a dheanamh dhiubh? F. ’S eadh. C. Co d’ am bheil Dia a’ deonach’ a ghráis so, an ann do na h uile dhaoine? F. Cha ’n ann, ach dhoibh sin amhain ata gabhail re Josa Criost le creidimh, Eoin 1. 12. Gal. 3. 26. C. Nach ’eil coir aig cloinn uchd-mhacaichte Dhe air iomad sochair ois-cionn dhaoin’ eile? F. Ata. C. Creud iad sin? F. Ata coimhead; freasdal, agus stiuradh atharail aca o Dhia, am feadh sa bhios iad air thalamh ata è ceaduchadh dhoibh teachd g’ a ionnsuidh mar an Athair, ata congnamh an Spiorad aca, agus eisteachd ’n an urnuigh; ’ta na h ainglibh ag frithealadh dhoibh is oighreachan do Dhia iad, agus co’-oighreachan maille re Criost, air oighreachd neo’-thruailleadh. C. Nach ’eil dleasdanais shonruight’ mar fhiacha orra san ann lorg nan sochairean mór agus luach-mhòr so? F. Ata. C. Creud iad na dleasdanais ata fiachaicht’ air cloinn uchdmhacaichte d’ an Athair neamhaidh? [TD 170] F. Bu choir dhoibh gradh is urram a thoirt dh’ a, a chomhairl’ iarruidh ann ’s gach aon ni, aontachadh le smachduchadh atharail, bhi faoi eagal a dhiom’, earbsa dheanamh as, agus iad fein a chuir air a churam. C. Creud na comharthaidh leis an aithnigh sinn am bheil sinn ’n ar cloinn uchd-mhacaight’ aig Dia? F. Le ’n leithidibh sin, eadhon, ma ’ta sinn cosmhail r’ ar ’n Athair, ma ’ta sinn ga ghradhachadh o ’s gach ni eile, ma ’ta suil aguinn r ’a ghloir do ghna’, ma ’ta spiorad na h uchd-mhacachd ionnain, an Spiorad sin a bhios a brosnuchadh gu urnuigh, agus ag oirpeachadh naomhachd ann ’s gach neach, ann sam bheil è, Rom. 8. 14. Gal. 4. 6. 1 Eoin 2. 29. C. Creud iad na nithe ann sam bheil clann De cosmhail r’ an athair-neamhaidh? F. Ann an naomhachd, ann trocair, ann a’ maitheas agus co’-stadh do na h uile, eadhon d’ a naimhde. C. Nach ’eil clann uchd-mhacaighte Dhe uile nan cloinn dh’ a san mar an ceadna tre aith-ghineamhuin? F. Ata, oir ata iad uil’ air an aith-bhreith, agus a’ faghail nuadh-nadurra, Eoin 1. 12. Ceist XXXV. Creud as naomhachadh ann? F. An naomhacha’ is obair saor ghrasa De i; leis am bheil sinn air ar ’n ath-nuadhach, ann san duine gu h iomlan do reir iomhaidh Dhe, agus air ar deanamh comasach ni ’s mo agus ni ’s mo chum basacha’ do ’n pheacadh. agus chum bhith beo do fhireantachd. [TD 171] C. Creud è ni, no neach a naomhachd? F. Ann an seagh nan sgriobtur ata è cialluchadh ni a choisreagadh do Dhia, no a ghlanadh o pheacadh, agus a dheanamh naomh. C. Nach ’eil fireanachadh agus naomhachadh neo’ sgathrail? F. Ata. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eatorra? F. Is è fireanachadh gniomh De ann taobh muigh dh’ inn, no bhinn sin leis am bheil è ’g ar saoradh o chionta a pheacaidh; ach ’s i naomhachadh obair Dhe ann taobh stigh dh’ inn, ’g ar glanadh o shalachar a pheacaidh; ata firineachadh iomlan agus ann san aon tomhnas ann ’s gach creidmhich, agus air a chriochnacha’ air ball; ata naomhachadh neo’-iomlan agus ann an atharrachadh tomhais ann sa bheatha so, agus air a toirt air a h aghaidh a chuid a chuid. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear aith-ghineamhuin agus naomhachadh? F. Is i an aith-ghineamhuin ceud atharrachadh an naduir, le bhi cur siol gach gràis ann san anam, ann ar ’n iompochadh, no ar gairm eifeachdach, oir is ionann dhoibh sin; ach ’s i naomhachadh, buanachadh agus fàs obair gràis ann sa creidmhich trid a bheatha gu h iomlan. C. C’ d’ an obair bhi ’g ar naomhachadh? F. Is i obair an Spiorad naoimh i, 2 Thess. 2. 13. 1 Phead. i. 2. C. C’ ar son nach h è gniomh ach obair a deirir re naomhachadh? F. Do bhri’ gu bheil i air a h oibreachadh agus air a toirt air a h aghaidh o cheim gu ceim. C. Nach fead sinn sinn fein a naomhacha’? F Cha ’n fhead; oir cha ’n urradh sinn gràs aith-bheothacha’ no mheaduchadh, ni ’s mo na dh’ fheadas sinn a shuidheachadh air thùs, feadaidh sinn ar salachadh fein, ach cha ’n ’eil è ’n ar comas sinn fein a ghlanadh. [TD 172] C. Nach fead sealladh d’ ar gràsan ar ’n irioslachadh co mhaith re sealladh d’ ar peacaibh? F. Feadaidh. C. Cionnas sin? F. Feadaidh air peacaidh ar ’n irioslachadh, do bhri’ gur h ann uainn’ fein ata iad, agus ar gràsan do bhri’ gu bheil gach ceim dhiubh air an tabhairt gu saor le Dia do ’n dream nach airidh orra. C. Creud i fior aobhar ar naomhachaidh? F. Fuil Chriost. C. Creud iad na meadhona leis am bheil an obair so air a toirt air a h aghaidh? F. Orduighean agus freasdal De, mar is aill leis am beannuchadh. C. Am bheil an duine gu h iomlan air a naomhacha? F. Ata. C. Creud ata thu cialluchadh leis an duine gu h iomlan? F. Uile chumhachdaibh agus buaidhean an anma, agus mothachaibh agus buill a chuirp gu leir, ata an duine air a naomhachadh o ’n leith muigh, agus o ’n leith stigh. C. Cionnas ata cumhachdaidh agus buaidhean an anma air an athnuadhacha’ agus air an naomhacha? F. Ata ’n Spiorad Naomh ag dortadh sruthaibh gràis air a chridhe, ann san tuigse, ann san toil, ann sa choguis, ann sa * mheoghair, agus ann a’ miannaibh an anma gu leir, leis am bhell iad air an glanadh o ’n pheacadh, air an ath-nuadhachadh, air an deanamh naomh agus spioradail, agus iomchuidh air doidh shonruichte air umhlachd agus gloir a thoirt do Dhia. C. Cionnas ata mothachaibh agus buill a chuirp air an naomhachadh? F. Le bhi ’g an atharracha gu feum naomha, * chuimhne [TD 173] ’gan deanamh sin a bha roimh laimh nan armaibh chum peacaidh, nan armaibh naomhachd; air achd as gu bheil an caithe beatha o ’n leith muigh air a riaghluchadh gu maith do reir focal De. C. Co an cosamhlachd ann sam bheil an t atharrachadh ’ta air a dheanamh ann naomhacha’ d’ a reir? F. Do reir iomhaidh Dhe. C. Creud iad na nithe ann sam bheil iomhaidh Dhe ag co’ sheasamh? F. Ann bhi cosmhail re Dia, ann an naomhachd agus fior-ghloin; ann am fuath do ’n pheacadh, agus an speis do fhireantachd. C. Am bheil iomhaidh Dhe air a h aisig dhuinn’ an tomhas iomlan san bheatha so? F. Cha ’n ’eil; oir ata obair na naomhachd neo’-iomlan ann ’s na daoin’ as fearr fhad sa bhios iad a bhos air thalamh. C. Cia leis ata thu co’-duchadh sin? F. Leis an ghearan is gna’ leo a dheanamh air fuigheal a pheacaidh ionnta fein, ata conbhail suas gleachd spairneil gach la eidear an gràsan, agus an truaill’-eachd, agus uaithe so ’ta na dleasdanais as fearr air a milleadh le peacadh. C. C’ ar son ata Dia ag fagail truaill’ eachd ’n a luchd muintir fhad sa bhios iad air thalamh? F. 1. Chum an conbhail iriosal do gna’ fuidh mhothacha’ do mhead am peacaidh, agus am feum ata aca air fear saoruidh. 2. A theagasg dhoibh gna’ fheum a dheanamh do Chriost air son fireantachd agus neart. 3. Chum a chumhachd arduchadh ann an gràs lag a choimhead am buillsgean truaill’-eachd. 4. A thogbhail an cridheachan ois-cionn an t saoghail so, ann sam bheil na h uirid gleachd agus d’fheuchain aca, agus d’ an lionadh le dian thogradh re neamh, ann san toir iad buaidh air gach truaill’-eachd, agus ann sam biodh iad uile naomha gu siorruidh. [TD 174] C. Nach b’ i naomhachadh iomlan gus an d’ thig an t àm sin? F. Cha bhi. C. Am bheil eider-dhealuch’ naduir, eidear naomhachadh, agus glóruchadh? F. Cha ’n ’eil; ach amhain ann an tomhas, ’s i naomhachadh no gràs, toiseach na gloire, agus s i staid na gloire gràs air a dheanamh iomlan. C. Cia lion cuid do naomhachadh ’ta air an ainmeachadh ann san fhreagra? F. Dias, eadhon, bàsachadh do ’n pheacadh, agus teachd beo do ’n fhireantachd. C. Creud ata bàsachadh do ’n pheacadh ag cialluchadh? F. Cumhachd a pheacaidh bhi air a cheusadh, agus a’ fàs lag ann ar ’n anamaibh. C. Creud na comharthaidh leis an aithnich sinn ma’ ta sinn ag bàsachadh do ’n pheacadh? F. Ma ’ta sinn ag bàsachadh do ’n pheacadh, bithidh sinn a’ gabhail fuath air, agus ag saothrachadh chum a sgrios’ gu tur. 2. Bithidh sinn curamach a sheachnadh gach ni a dh’ fheadas ar truaill’-eachd fhada suas, agus a’ cur cosg air ceud mhianna a pheacaidh ann taobh stigh dh’ inn. 3. Bithidh sinn re bròn annlathair an Tighearna, ’n uair a mhothaicheas sinn neart a pheacaidh, agus re urnaigh dhurachdach na aghaidh, agus 4. Bithidh sinn a’ deanamh feum do bhàs Chriost chum am peacadh a chuir gu bàs. C. Creud ata chuid eile do naomhachadh, ag cialluchua, eadhon bhi ni ’s mo agus ni ’s mo teachd beo do fhireantachd? F. Ceud tùs na beatha spioradail a bhi air a suidheachadh, agus ag fàs ann ar ’n anamaibh, ’g ar brosnuchadh thoirt umhlachd do thoil De ann ’s gach aon ni; agus a’ toirt oirp’ air dol air ar ’n aghaidh ann am fior naomhachd. C. Creud an t eidir-dhealuch ’ata eidear deagh [TD 175] bheusan nan daoine neo’-iompoichte agus fior naomhachd nan creidmhich? F. Ata cheud aon dhiubh ag srutha o nadur, agus a’ deanamh cail-eigin do atharrachadh air a bheatha, o ’n leith ’mach amhain, ach ’s i an dara h aon torradh an Spioraid; agus ata i ag deanamh atharrachadh gràsmhor air a chridhe; ata cheud aon a’ srutha o fhein speis, agus ag tarruing gu fein ghloir, ach ata an aon eile ag teachd o ghradh do Dhia, agus a’ treorachadh chum a ghloir sin, ata cheud aon a’ dearmad Chriost; ach ata an aon eile ag earbsa r’ a neart agus r’ a fhireantachd san. C. Am bheil naomhacha’ gu neo ’fhuasgailte feumail sa bheatha so, chum righeachd air slainte na dhiaidh so? F. Ata; oir ata è air a dheimhineacha’ dhuinn Eabh. 12. 14. “As eagmhuis naomhachd nach faic neach air bith an Tighearna, cha ’n fhead duine mio-naomhadh co’-chomunn a bhi aige ris an Dia ata uile naomha.” C. Am fead daoine ’ta ciontach ann am peacaidh mòr agus follasach, bhi air an naomhachadh? F. Feadaidh, oir ata ’n t abstol Pol ann bhi ag labhairt air na peacaich b’u ghrainealadh, ag radh ris na Corinthianaich, “Agus mar sin bha cuid agaibhse, ach ata sibh air ar naomhachadh.” Ceist XXXVI. Creud iad na sochaire ata ann sa beatha so ann a’ co’-chuideachd, no ag sruthadh o fhireanacha’, o uchd-mhacachd, agus o naomhachadh? F. Is iad na sochaire ata san bheatha so, ann an co’-chuideachd no ag sruthadh uatha sin, dearbh-beachd air gradh Dhe, sioth-chaint coguis, aoibhneas san spiorad naomh, fas ann an gràs, agus buan-mhaireachduin ann, gu teachd na criche deireannaich. [TD 176] C. Cia lion sochair ata air an aimneachadh ann san fhreagra’ a bhuineas do fhireanacha’, do uchd-mhacach, agus do naomhachadh? F. Cuig. C. Cia a cheud aon dhiubh sin? F. Dearbh-beachd air gradh Dhe. C Am bheil gradh sonruichte aig Dia do ’n droing ata air am fireanachadh, ois cionn dhaoin’ eile? F. Ata; oir ’s iad cusboirean sonruichte graidh Dhe iad. C. Am fead na creidmhich righeachd air lan dearbha air gradh Dhe ann san bheatha so? F. Feadaidh. C. Cionnas ata sin soilleir? F. O àithne Dhe ata ag sparradh air gach creidmhich bhi ’g iarruidh so, agus o eisempleir mhorain do na creidmhich a fhuar da rireadh eòlas cinnteach, agus lan dearbha air gradh Dhe dhoibh, 2 Phead. 1. 10. Eabh. 6. 11. Rom. 5. 2. 3. Rom. 8. 16. 38. 39. 2 Cor. 5. 1. 1 Eoin 3. 14. 19. 21. 24. 1 Eoin 5. 13. Laoidh. 6. 3. Job 19. 25. 2 Tim. 1. 12. C. Am fead neach air bith righeachd air an lan dearbha so as eagmhuis foillsicheadh sonruichte o Dhia? F. Feadaidh. C. Cionnas ata iad a’ righeachd air? F. Air da dhoidh, 1. Le co’-duchadh soilleir riosunta o fhocal De, eadhon, ’n uair a bheir iad fanear le dearbha o ’n leith stigh gu bheil na gràsan sin air an oibreacha ann an anamaibh air am bheil geallaibh sonruichte air gradh Dhe air an ceangal. 2. Le teisteas Spiorad De, ag deanamh fia’-nais le ’n Spiorad sin gùr h iad clann De, 1 Eoin 2. 3. 1 Eoin 3. 14. 19. Rom. 8. 16. C. Creud na comharthaidh cinnteach leis an aithnich sinn air sealbh air gradh Dhe? F. Le bhi gabhail re Criost mar ata è air a thairgse ann san t soisgeul, agus ag earbsa ris, le’r [TD 177] gradh do Chriost agus d’ a luchd muintir; le’r speis do lagh Dhe, agus le ’r cùram ann a choimhid, le bhi cur ann aghaidh gach peacaidh, gu sonruichte ar peacadh lionainn, le ’r dian thogradh ann diaidh naomhachd agus an leithid sin, Marc. 16. 16. Eoin 1. 21. Sean. 8. 17. 1 Eoin 3. 14. Sal. 119 165. Sal. 18. 23. 1 Eoin. 3. 3 Phil. 3. 3. Sal. 119. 5. 6. 1 Phead. 2. 7. C. Ciod é ta thu cialluchadh leis an Spiorad bhi ag deanamh fia’-nais le ’r Spiorad ne? F. E bhi ag dealradh air ar gràsan, agus ’g ar cuideachadh thoirt fai-near dhoibh, ann è bhiodh co’-shineadh re ar spiorad-ne ann ’s gach dearbha riosunt’ a thairneas sinn o ’n fhocal, agus ann ar neartucha ann an co’-dhunadh gur sinn clann De. C. Am bheil an dearbh-beachd so do fhior nadur a chreideamh, agus ann bheil gach creidmhich a’ righeachd air? F. Cha ’n ’eil; oir feadaidh cuid dhiubh bhi gluasachd ann dorchadas, agus as eagmhus soluis, Isa. 50. 10. C. Am bheil creidmhich air bith a’ call a choir air gradh Dhe? F. Cha ’n ’eil, oir cha ’n fhead ni air bhith an sgaradh o ghradh Dhe ata ann Criost; ach feadaidh iad bhi a’s eagmhuis mothach’ agus dearbh-beachd air gradh Dhe. C. Cionnas ata luchd muintir Dhe ag call an dearbh-beachd air a ghradh sin? F. Ata so ag teachd gu tric o mhi-chùram agus o dhearmad an dleasdanais, agus o ann-danadas am peacachadh an aghaidh an soluis, agus ata Dia air uairibh air son riosuna glic, agus naomha ag tarruing solus a ghnuis uapadh, 2 Phead. 1. 10. Laoidh. 5. 3. 6. Sal. 51. 8. 12. 14. Sal. 77. 7. 8. 9. C. C’ ar son ata Dia ag tarruing air ais o luchd [TD 178] muintir, agus a’ diultadh mothacha’ air a ghradh dhoibh? F. Ata è ag deanamh so air uaireabh chum an irioslachadh, agus a theagasg dhoibh am beatha chaithe tre creidimh ni as mo na tre sealbh; agus uaithe so ata è ag tarladh gu tric gu ’m bheil cuid do na creidmhich a’s lugha gràs ag faghail tuilleadh do latharachd so mhothaiche De, na iad san is neartmhora. C. Creud an t eidir-dhealuch ata eidir dearbh-beachd agus ann-danadas? F. Ata fior dhearbh-beachd air gradh Dhe ag irioslachadh, an anama, agus ’g a dheanamh furachair ann aghaidh a pheacaidh, ach ata ann-danadas ag seideadh suas dhaoine, agus ’g an lionadh le neo’-chùram. Ata fior dhearbh-beachd toileach teachd a chum an t soluis a rannsuchadh no cuise, ach ata ann-danadas ag seachnadh an t soluis, Gal. 2. 20. 2. Cor. 7. 1. Sal. 39. 23. 24. Eoin 3. 20. 21. C. Nach bu choir do gach Criostuidh bhi ag dian-ruidh chum righeachd air lan dearbha air gradh Dhe, mar ni ann sam bheil mòran tairbh dhoibh? F. Bu choir. C. Creud an tairbh ata aca le so? F. Bheir è fois inntin dhoibh, fògruidh è eagal bàis, cuireadh è ’n cridhe am fairsingeachd le gradh agus le buidheachas do Dhia, agus bheir s è misneach agus treoir dhoibh ann an slighe an dleasdanais. C. Am bheil an lan dearbha’ so ag buaireadh no ag aomadh dhaoine chum bhi dearmadach no neo’-fhaicealluch? F. Cha ’n ’eil; ach na àite sin, ata è ’g an aith-bheothachadh, agus ’g an brosnuchadh gu dicheall ann ’s gach dleasdanas. Mu Shioth-chaint Coguis. C. Am bheil sioth-chaint coguis na sochair a bhuineas [TD 179] do ’n dream ata air am fireanachadh, air an uchd-mhacachadh, agus air an naomhachadh? F. Ata. C. Am bheil gach neach ata air a’ naomhachadh a’ gna’ mhealtain na sochair so? F. Cha ’n eil. C. Ciod a dh’ fheadas so bhacadh, do bhri’ gu ’m bheil Dia ag labhairt sith ris an dream sin, agus a’ maitheamh ’n uile pheacaidh? F. Is tric leis an droing d’ am bheil Dia ag toirt maitheanas ’n an peacaidh, bhi ’n aghaidh maitheanas a thoirt dhoibh fein, agus ata neoil neo’-chreidimh agus buaireadh, air uairibh a’ cur sgaile dorchadais air gach dearbha’ a fhuair iad air an sith, agus ataid ag ath-thuiteam ann, gluasachd neo’-fhaiceallach, leis am fead an coguis bhi ann am mòran mio-shuaimhneas, Sal. 38. 3. 8. Isa. 57. 2. C. Ciod a chuireas tosd air a choguis ’n uair a bhitheas i ’n triobluid no air a lot’? F. Do bhri’ gur i a choguis * fa’-uachdarran Dhe aon taobh stigh dh’ inn; cha ’n fhead dadum tosd a chuir orra, ach an ni sin ata cur tosd air ceartas De, eadhon fuil Chriost. C. Cionnas ata fuil Chriost a’ cur tosd air a choguis? F. Le bhi ag toirt ciont’ agus cumhachd a pheacaidh air falbh uainne, agus le bhi togbhail suas solus a ghnuis oirne. C, Am fead neo’-chreidmhich air bith sith coguis a bhi aige? F. Feadaidh è sith mhealtach a bhi aige, ach s è an creidmheach ann Criost amhain aig am biodh fior shioth-chaint cogus, Luc, 11. 21. Rom. 5. 1. C. Cia uaithe ’ta sith nan neo’-chreidmhich a’ srutha? * fear ionaid. [TD 180] F. Ata i teachd ann cuid o chealgoirachd agus o * bhrionnal an cridhe fein; agus ann cuid eile o ’n diobhal, ata mar dhuine laidir fa armaibh a’ gleidheadh an tighe, Luc 11. 21. C. Creud an t eidir dhealuch’ ata eidear sith fhior agus sith bhreige na coguis? F. Ata fior shith coguis air a faghail ann an gnathachadh na mheadhona, mar ata orduighean an t soisgeul, urnaigh dhurachdach, cridhe brist’ air son peacaidh, gluasachd fhaiceallach, & naomhadh ann lathair Dhe; ata i ag srutha o chreidimh ann Chriost fear dheanamh na sith, agus ata i toirt air an duine bhi cùramach chum Dia a thoileachadh, agus bhi faoi eagal a dhiom a thoiltean, ach ni bheil sith bhreige, no ann danadas a’ teachd air an doigh so, ni mo ’ta na nithe sin na co’-chuideachd: ach na àite sin, ata i air a steigheach’ ann am breanachadh diomhain, agus ata suaimhneas feolmhor dearmad air dleasdanais, agus ata gluasachd neo’-fhaiceallach ’n a co’-chuideachd, 2 Thess. 3. 16. 1 Sam. 1. 12. 18. Isa. 57. 17. Sal. 119. 165. Gal. 6. 16. Rom. 5. 1. 2. Tais. 3. 17. Deut. 29. 19. C. Am bheil sith coguis a chreidmhich ag teachd is a’ dol le shith sin o’n leith muigh? F. Cha ’n ’eil; oir feadaidh mòr thriobluid shaoghalt a bhi air ’n uair a bhitheas sith sholasach coguis aige trid Chriost, Eoin 16. 33. Hab. 3. 17. 18. C. Creud an doigh a’s fearr a choimhead na sioth-chaint so ’n leith stigh? F. Le bhi deanamh gnath fheum do Chriost ar sith-chaint-ne, le bhi dearcadh air sin gach la air son fireantachd is neart, agus le gluasachd gu treibhdhireach do reir riaghail an t soisgeul, Eph. 2. 14. Gal. 6. 16. C. Am bheil sioth-chaint a chreidmhich re Dia ag atharrachd do ghna’ le sith a choguis sin? C. Cha ’n ’eil. * miodal [TD 181] C. Cionnas ata sioth-chaint a chreidmhich ’n a staid ag seasamh, ’n uair ata è call beachd air a shith? F. Do bhri’ gu bheil coi’-cheangal De seasmhach daingean, agus gu bheil eidear-ghuidhe Chriost re Dia air son a luchd muintir buadhach, agus buan mhaireanach. Mu Aoibhneas ann san Spiorad Naomh. C. Creud ata thu cialluchadh le aoibhneas ann san Spiorad Naomh? F. An t aoibhneas spioradail, am fònn agus an gairdeachas, ata ’n Spiorad naomh ag oibreachadh ann am pobull De, ’n uair ata è soilleiricheadh dhoibh an coir air sochairibh an nuadh-choi’-cheangail, no ag lui’-easachadh caoimhneas sonruichte air an amaibh. C. C’ ar son a deirir aoibhneas ann san Spiorad naomh ris an aoibhneas spioradail so? F. Do bhri’ gur h e an Spiorad naomh ata suidheachadh, agus ag altrom an aoibhneas so ann san anam; agus uime sin, deirir toradh an Spioraid ris, Gal. 5. 22. C. Creud iad an nithe sonruichte o’ m bheil an gairdeachas so ag srutha? F. Ata è gu coitchinn ag srutha o fhior-mhothacha’ air ar sealbh air Criost, agus air ar saoradh trid fhireantachd san; no o a latharachd ghrasmhor maille ruinn, agus obair sin annainne, o shoirbheachadh an t soisgeul, no o dhuil chinnteach re sonas neamhaidh, Sal. 150. 2. Isa. 61. 10. Hab. 3. 18. Phil. 1. 25. Gniomh. 2. 46. 47. Gniomh. 8. 8. Sal. 51. 12. Rom. 5. 2. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear an t aoibhneas spioradail so agus aoibhneas an t saoghail? F. Ata ’n t aoibhneas spioradail fior-ghlan, agus air a shuidheachadh gu domhain ann sa chridhe, ata è ag ull’-uchadh an anma fa chomhair gach dleasdanas spioradail: ata è conbhail suas an [TD 182] duine faoi gach triobloid o ’n leith ’mach: Ach ata aoibhneas an t saoghail truailleadh agus feolmhor, air a thonn luasgadh leis gach gaoth a sheideas ’n a aghaidh, fagaidh è ’n inntin faoi smuainteadh neo’ shuaimhneach, ata ag deanamh neo’-iomchuidh air son gach dleasdanas naomha, agus searguidh s è as re àm bàis. C. Ciod è an ni as mo cron do aoibhneas an fhior Chriostaidh? F. Am peacadh, gu sonruichte ’n uair a ghabhas è an danadas a chuir ann gniomh ann aghaidh a sholuis, Sal. 51. 8. C. Nach fead cealgoirean cail-eigin do ghairdeachas diom-buan spioradail a bhi aca air uairibh? F. Feadaidh; oir bha so aig an luchd eisteachd ata air an coi meas ris an fhearann chlochach, agus aig luchd eisteachd Eoin, Mat. 13. 20. Eoin 5. 35. C. Creud an t eidir-dhealuch ata eidear fior aoibhneas spioradail nan creidmhich, agus gairdeachas diom-buan nan cealgoirean? F. Ata fior aoibhneas spioradail ag srutha o thursadh Diadhaidh, air son peacaidh, agus o chreidimh ann an Josa Criost; ata è ’g aomadh an duine gu bhi iriosal agus macant’ ’n a inntin, a thoirt fuath do ’n pheacadh le uile chridhe, a chuir ann aghaidh gach buaireadh le rùn suidheighte, agus a choi’ lionadh gach dleasdanas le tuilleadh misnich: Ach do bhri’ gu ’m bheil aoibhneas a chealgoir gu ’n fhior bhunachar no sealleadh ceart do Chriost, ata pheacadh ag fantain na lan neart, ata è air a sheideadh suas le fein speis, agus air ball ’g a fhagail co fheolmhor mhio-naomha as a bha è roimhe. Mu Fhàs ann an Gràs. C. Ciod ata ’m focal sin gràs ag cialluchadh? [TD 183] F. Ata gràs air uairibh ag cialluchadh deadh-ghean De d’ ar taoibh-ne, eadhon, a throcair agus a chaoimhneas do pheacaich trid Chriost; agus ’s an leis a ghràs so ata sinn air ar tagha, air ar gairm, air ar fireanachadh, agus air ar saoradh, Rom. 11. 5. Gal. 1. 15. Rom. 3. 4. Eph. 2. 8. Air uairibh eile, ’ta gràs ag cialluchadh deadh obair Dhe ann taobh stigh dh’ inn, no na beusan gràsmhor ata è ag suidheachadh ann ’s gach neach ata air am fireanachadh, mar ’ta aithreachas, creidimh, gradh, &c. Leis am bheil iad air an naomhachadh, agus air an deanamh iomchuidh fa chomhair sonais bioth-bhuan, 2 Phead. 3. 18. Seum. 4. 6. Gal. 3. 16. Eph. 4. 7. Eoin. 1. 17. Agus san ann san t seagh so, ’ta gràs r’ a thuigsin ann san fhreagradh. C. Ann é nadur an fhior ghráis a bhi fàs ann sam anam.? F. ’S è. C. Cia ris ata ’n sgriobtuir ag coi’-meas fás an ghráis so? F. Re solus na maidin, ata ag fàs ni as mo, agus ni as mo gu teachd an la iomlain, agus re siol an t sioladair a dh’ fhasas suas agus a chinnis air doidh doi-ionnsadh, Sean. 4. 18. Marc. 4. 26. 27. C. C’ ar son is eigin do ’n fhior ghrás fàs uile? F. Do bhri’ gur h è siol De, agus gu ’m bheil gach anam ann sam bheil, à air a cheangal re Criost; os’barr ata tomhas sonruichte air orduchadh gus an eigin do gach creidmhich fàs a chuid a chuid chum an deanamh iomchuidh air son na h oighreachd neamhaidh, 1 Eoin 3. 9. Eoin. 15. 5. Eph. 4. 12. Col. 1. 12. C. C’ uin’ a dh’ fheadar a radh gu ’m bheil an gràs da rireadh a’ fás ann sa chreidmheach? F. ’N uair ata è faghail ceimeana tomhais do nuadh neart, agus feadar so aithneach. 1. ’N uair a bhios è fàs o ’n leith stigh, thaobh neo’-mheangalachd agus aith-bheo’-alachd; No. 2. O ’n leith [TD 184] muigh, thaobh toradh na naomhachd, ann an gniomhartha a bheatha; No. 3. ’N uair ata é fàs sios thaobh fein sheanadh, agus gach fonn gràsmhor a’ gabhail freamh ann san anam: No. 4. ’N uair a bhios è dol suas agus ag socruchadh a chridhe air nithe spioradail agus neamhaidh. C. Am bheil na creidmhich do ghna’ a fás ann an gras? F. Cha ’n ’eil; ach ata rùn cinneas agus togradh gu fàs aca do ghnà. C. Nach fead fior ghrás dol air ais air uaireadh? F. Fcadaidh, oir ata creidmhich air uaribh ag treigsin an ceud ghraidh, agus ata na nithe maith ata lathair aca ullamh chum bàsachadh, Tais. 2. 4. agus 3. 2. C. Cionnas ata é tachairt gu bheil gràs ag fàs lag ann ’s na creidmhich? F. Ata è tarladh air uairibh o dhian bhuaireadh an diabhoil, ach gu coitchinn o dhi faire ann ’ta fein, o bhi dearmad feum a dheanamh do Chriost, le bhi ag cur doilghios air an Spiorad, agus le bhi toirt fois do ’n pheacadh le ’m fios. C. Creud na comharthaidh coitchinn leis an aithnighear ma ’ta gràs ag fàs lag? F. 1. Le call ciocrais spioradail, agus tlachd ann ar dleasdanas. 2. Le call an fhuath sin do ’n pheacadh agus coguis fhaiceallach mar chleachd iad. 3. Call miann agus togradh air son soirbheachadh an t soisgeul. 4. Gradh do ’n t saoghal agus do nithe faoghalt’ ag dol a’ mead. C. Cionnas a dh’ aithnicheas sinn ma ’ta gràs fior agus slainteil, ge do bhios è lag agus annmhuan? F. Ciod air bith àit’ am bheil fior ghràs, mothaichear am peacadh mar uallach, measaidh an t anam Criost roi’-phreiseil, bithidh speis d’a orduighean agus d’ a luchd muintir, agus bithidh iad [TD 185] gu durachadh ag iarruidh tuille gràis & naomhachd. C. Creud as feumail dhuinn a dheanamh chum an grás ata lag agus a’ seargadh thoirt gu fàs agus cinneas? F. ’S eigin dhuinn geur mhothach a bhi aguinn air an easlaint spioradail, agus teachd a dh’ ionnsaidh Chriost leigh an anma a dh’-fhaghail cuideachaidh; bhi rannsuchadh ma ’ta ainmiann air bhith gun cheasadh ann taobh stigh dh’inn, agus bhiodh ’g a spionadh freamh a’s bonn; bhi ag amharc re Criost chum ’s gu ’n dortadh è Spiorad agus a bheannuchadh air a * rioghalta fein, agus air a fhreasdala, bhi ag tagradh gu durachdach air geallaibh aith-bheothachaidh agus neartuchaidh, agus gu ’n d thigeadh è mar dhealt air Israel, Sal. 85. 6. Hos, 14. 4. 5. 6. Sal. 119. 25. 28. C. Am bheil buan-mhaireachduin an gràs na sochair a bhuineas do ’n dream ata air am fireanachadh? F. Ata C. Creud ata thu cialluchadh le buan-mhaireachduin an gràs? F. Bhi ag fantuin do ghna’ ann staid nan gràs, agus ann an gnathachadh Diadhaidh gu ’n uig a chrioch. C. Am fead neach air bhith ata air fhireanachadh tuiteam gu tur o staid nan gras? F. Cha ’n fhead. C. Cionnas ata cinnt ag-ad air a sin? F. O neo’-chaochlui’-eachd Dhe, & o naduir a ghràis, oir “ata tiodhlacaidh agus gairm Dhe gun aithreachas;” agus bithidh gràs ann ’s na creidmhich mar thobar uisg’ a’ sruthadh suas chum na beatha mairtheanaich, Rom. 11. 29. Eoin 4. 14. C. Am bheil na h uile ata ’g aidmheil Chriost ag buanachadh ’n an aidmheil? * orduighean. [TD 186] F. Cha ’n ’eil, oir ata sinn ag leaghadh air moran a thuit o ’n aidmheil, Eoin 6. 66. C. C’ ar son nach ’eil luch aidmheil Chriost gu leir a’ buan-mhaireachduin? F. Do bhri gu ’m bheil mòran dhiubh nach ’eil air am freamhachadh ann neo’-mheangalachd; & is tric leosan a thoiseachas ann an cealgoireachd criochnachadh ann an cul-sleamhnuchadh, Mat. 13. 20. 21. Sal 87. 87. C. Nach fead dream ata ann staid nan gras tuiteam ann am peacaidh mòr agus graineil? F. Feadaidh. C. Nach ’eil eiseimpleire aguinn air a so ann san sgriobtur? F. Ata, eadhon, Lot, Noah, Daibhi, agus Peadar aguinn mar eiseimpleiribh. C. C’ar son ata na h eisempleire sin aguinne? F. G’ ar teagasg gun earbsa dheanamh as ar neart fein, a sheachnadh gach buaireadh gu peacadh, chum gnath earbsa re Criost ar ’n urras-ne, agus gu ’n bhi ain-earbsach a trocair an Tighearna ’n uair a philleas sinn ris le fior aithreachas. C. Nach do thuit iad san a pheacaich co’ ghraineil o staid na gràs? F. 1. Cha do thuit iad gu tur; oir ge do thuit iad o iomad ceim gràis, cha do thuit iad o staid nan gràs gu h iomlan, ge do thainig iad gu beag creidimh a bhi aca, cha roibh iad as eagmhuis uile. 2. Cha do thuit iad gun aith-leasachadh, oir ge do chuaidh iad air seachran o Dhia car seal gidheadh bha ’n aithreachas agus an aith-leasachadh air an deanamh cinnteach dhoibh. C. Nach ’eil moran aig am bheil deagh choslas car t amail ata cul sleamhnuchadh gu tur o Dhia faidheoidh? F. Ata; ach ’n uair a thuiteas neach gu tur o Dhia, agus gun aith-leasachadh; feadaidh sinn bhi cinnteach nach roibh è riamh da rireadh ann an neo’-mheangalachd do reir a choslais; bha è [TD 187] naomh amhain thaobh aidmheil, ach cha roibh è gu fior agus da rireadh mar sin, 1 Eoin 2. 19. C. Nach ’eil è air a radh, Foin 15. 2. “Gach uile gheug ionnamsa nach ’eil ’a giulan toraidh bheireir air falbh i”, Nach ’eil sin ’n a thuiteam o staid nan grás? F. Cha roibh na geugan mio-tharbhach sinn ann an Criost tre creidimh, ach trid aidmheil amhain. C. Nach do thuit Adhamh agus Solamh o staid nan gràs gu tur, agus gun aith-leasachadh? F. Cha roibh gealladh buan sheasamh aig Adhamh, gidheadh ata è ro-choslach gu roibh è air aith-leasachadh le creidsin ann an Criost trid a gheallaidh a fhuair è gu saor o Dhia. Do thaobh Sholaimh ata adhbhair aguinn a chreidsin gu ’n roibh è air aith-leasachadh gu fior aithreachas, 2 Sam 7. 14. 15. C. C’ ar son ata coi’lion comhairle agus gealladh air an toirt do na creidmhich san sgriobtur mar fead iad tuiteam gu tur o ghràs? F. ’S iad na comhairlean agus na h earrailean sinn cuid do na mheadhona d’ am bheil Dia ag deanamh feum chum an teasairgin o thuiteam gun aith-leasachadh. C. An ann do thaobh saor thoil agus neart ann sna creidmhich fein, nach ’eil iad ag tuiteam faidheoidh? F. Cha ’n ann; oir thuit Adhamh agus Aingle, aig an robh gràis na bu treise; agus thuiteadh na creidmhich gu leir, mar bithidh iad air an conbhail suas le cumhachd as airde na ni air bith ionnta fein. C. Creud iad riosuna sonruichte buanmhaireachduin nan naomh? F. Is iad sin, coi’-cheangal neo’-chaoch’-lach Dhe, agus gradh taghaidh, gu ’m bheil iad air an cosnadh le fuil Chriost, agus coi’-cheangailte ris sin, gu ’m bheil eidear-ghuidhe sin buadhach air [TD 188] an son, maille re cumhachd agus gealladh Dhe, Eoin 20. 11. 28. Luc. 22. 32. 1 Phead. 1. 5. C. Creud an gealladh ’ta aig na creidmhich air am buin-mhaireachduin ann staid nan grás gu ’n uig a chrioch? F. O s barr air iomad gealladh eile, ’ta na briathra sin aca, Jer. 32, 40. “Ni mise coi’-cheangal siorruidh riu nach pill me uapadh o dheanamh maith dhoibh: Ach cuiridh mise m’ eagal ann nan cridheachan chum ’s nach cul sleamhnuich iad uamsa.” Ceist XXXVII. Creud iad na sochaire ata na creidmhich ag faghail o Chriost re ám báis? F. Ata anamanna nan creidmhich re h àm am bais, air an deanamh foirfe ann a’ naomhachd, agus air ball ataid ag dol chum gloire, agus air bhith d’ an corpaibh sior cheangailte re Criost ni ’d comhnuidh ann nan uaighibh gu ’n uig an ais-eirigh. C. Am bheil na sochaire ata na creidmhich ag faghail o Chriost a’ croichnachadh le ’m beatha? F. Cha ’n ’eil air doidh air bith, oir ataid ag faghail sochairean moran ni as mo na bh’ aca riamh re h àm bàis, agus ann diaidh am bàis. C. Co ata thu ag tuigsin le creidmhich ann san àite so? F. Iad san ata aig toirt creideas do fhocal De, agus ata gabhail re Criost, agus ’g an socruchadh fein air sin le ’n uile chridhe chum slainte, mar ata è air a thairgse do pheacaich chailte ann san soisgeul. C. An ann air anamaibh, no air corpaibh nan crcidmhich ata Criost a lui’-easacha’ sochaireadh re h ám báis? [TD 189] F. Ata è ’g an lui’-easacha’ air an anamaibh agus air an corpaibh mar aon. C. Creud iad na sochaire ata air an deonachadh do anamaibh nan creidmhich re h am báis? F. Ata dias air an ainmeachadh an san fhreagra; 1. Ataid air an deanamh foirfe ann an naomhachd. 2. Ataid air ball ag dol chum gloir. C. Am bheil gach aon chroidmhich ag righeachd air foirfeachd ann an naomhachd? F. Ata. C. C’ uin’ ataid ag righeachd air a so? F. Aig am bàis. C. Nach fead neach air bhith righeachd air trid na beatha so? F. Cha ’n fhead. C. C’ ar son sin? F. Do bhri’ nach ’eil freamh a pheacaidh air a spionadh gu h iomlan a’s an anam gu ’n uig am bàs. C. Cionnas ata sin soilleir? F. Ata è soilleir mar aon o fhocal De, agus o ar fidreachadh fein, 1 Eoin 1. 8. Rom. 7. 23. 24. C. C’ ar son a’s eigin do gach creidmhich bhi air an deanamh foirfe ann an naomhachd ann am bàis? F. Do bhri’ nach fead ni neo’-ghlan air bith dol a steach air geataidh a nuaidh Jerusalem, Tais. 21. 27. C. Cionnas ata na creidmhich air an deanamh iomlan ann naomhachd re h àm bäis? F. Ata an gràsaibh air an deanamh foirfe, agus ata freamh a’ pheacaidh air a spionadh as an nadur, ni nach fead tachairt gus am biodh an tigh talmhaidh air a sgaoileadh. C. Am bheil anamanna nan creidmhich ag bàsachadh no codal maille re ’n corpaidh? F. Cha ’n ’eil; oir ataid ag fantuin beo, agus gniomhach ann an staid eidir-dhealuichte. [TD 190] C. C’ àit’ an d’ theid iad ann diaidh dhoibh an corp fhagail? F. Chum gloire. C. Cia luadh a tharlas so ann diaidh bàis? F. Air ball, gun dail air bith. C. Nach ’eil iad ag dol do phurgoidoireachd air an t slighe, chum an glanadh o’n pheacadh, agus d’ an naomhachadh chum dol a steach do rioghachd neamh? F. Ch ’n ’eil barrantas air bith o fhocal De, air son na breaslaich Phapanaich sin: thaobh nach ’eil ionad glanaidh air bith ann ach fuil Chriost. C. Cionnas ata thu ag dearbha o ’n ’sgriobtur gu bheil iad ag dol air ball chum gloire? F. O na h ionadaibh sin ata ’g innseadh dhuinn gu roibh anam Lasarus air a ghiulan air ball leis na h ainglibh chum uchd Abraham; gu ’n roibh an gadaich aithrichte air a ghloruchadh air ball, gu ’m bheil am bàs na bhuannachd do na creidmhich, agus ’g an tabhairt an lathair an Tighearna: agus thug na nithe so uile air an abstol am bàs a roghnucha’ chum ’s gu ’m bitheadh è maille re Criost, Luc. 16. 22. Luc, 23. 43. 2 Cor. 5 8. Phil. 1. 21. 23 C. Creud ata thu cialluchadh leis a ghloir chum am bheil na creidmhich ag dol air ball re h àm báis? F. An lathaireachd neo’-mheadhonach an sealladh agus an t sealbh ataid air ball ag faghail air Dia ann diaidh am bàis; ’s maith a dheadar a radh gu bheil na creidmhich ann sin ag dol chum gloire, do bhridh gu ’m bheil iad ag dol chum ionad glormhor, chum staid ghlormhor, chum cuideachd ghlormhor, agus chum obair ghlormhoir. C. Creud i an staid ghlormhor chum an d’ theid na creidmhich an àm bàis? F. Theid iad gu staid suaimhneis shiorruidh agus dluthais do Dhia, Eabh. 4. 9. Tais. 14. 13. 2 Cor 5. 8. [TD 191] C. Creud è an t ionad glormhor chum an d’ theid-iad? F. Tigh an athar neamhaidh, ris an abrar luchairt an Righ ann san d’ ull’-uigh Criost àite comhnuidh dhoibh, Sal. 45. 15. Eoin 14. 2. C. Co a chuideachd ghlor mhor a chum am bheil iad air an gabhail? F. Chum co’-chuidheachd Dhia, Chriost, nan aingeal, agus spioradaibh nam firean air an deanamh foirfe, 2. Cor. 5. 8. Phil. 1. 21. 1 Thess. 4. 17. Eab. 12- 22. 23. 24. C. Creud i an obair ghlormhor ris am biodh iad? F. Bithidh iad do ghna’ ag toirt moluidh do Dhia le mòr iongantas. C. Creud iad na nithe ann Dia bhios nan cusboirean iongantais agus molaidh aca? F. A bhuaidhibh glormhor, agus oibreadh iongantach, gu sonruichte a ghradh gun choimeas ann an obair na saorsa, an run-diomhair sin Dia air fhoillsicheadh san fheol, agus a’ bàsachadh air air soinne, Tais. 1, 5. agus 4. 11. agus 5. 9. 12. C. Creud iad na sochaire ’ta na creidmhich ag faghail o Criost thaobh an corpaibh ann am bàis? F. Ata ann corpaibh ag fantuin ann an coi’-cheagal re Criost an àm bàis, agus ataid a’ gabhail comhnuidh ann an uaighibh mar leaba gu ’n uig an ais-eirigh, 1 Thess. 4. 15. Is. 57. 2. C. C’ ar son ata na creidmhich ag faghail bàis? F. Do bhri’ gu ’m bheil è air orduchadh do dhaoinibh bàs fhaghail aon uair, agus ata ’m bàs ag teachd air gach aon duine, do bhri’ gu ’n do pheacaich iad uile, Eabh. 9. 27. Rom. 5. 12. C. Am bheil neach air bith air a shaoradh o ’n reachd bháis so? F. Cha ’n ’eil, ach Enoch agus Elias, a bha air an aisig chum neamh gun am bàs a bhlasadh; agus iadsan a bhitheas beo air thalamh ’n uair a [TD 192] thig Criost chum bhreitheamhnais, 1 Cor. 15. 51. 1 Thess. 4. 15. C. An roibh am bàs air orduchadh mar smachduchadh air son a pheacaidh? F. Bha, Rom. 6. 23. C. C’ ar son ma seadh, ata na creidmhich ag faghail báis do bhri’ gu bheil iad air an saoradh o uile smachduchadh a pheacaidh, le Criost a dh’ fhulaing air an son? F. Dh’ fheadadh Criost am bàs a chonbhail uapadh nam b’ aill leis so a dheanamh; ach chunnairc è iomchuidh amhain le bhàs fein nadur a bhàis atharrachadh dhoibhsin, agus gach ni bha mar smachduchadh ann a thoirt air falbh; mar so, dh’ atharraich è a nadur gu h iomlan, ’g a thiondadh o bhi na namhaid gu bhi na chairid, o bhi na smachduchadh chum bhi na ionad glanaidh no na mheadhon sonruichte chum an deanamh foirfe ann an naomhachd, agus mar ionnlad o gach peacadh, agus san da thaobh so ata ’m bàs air ainmeachadh a’ measg tiodhlacadh agus sochairibh nan creidmhich, 1 Cor. 3. 22. C. Nach ’eil eidir-dhealluch’ mór eidear bàs nan creidmhich, agus bás nan neo’-chreidmhich? F. Ata, oir do ’n dara h aon ata e ag srutha o ghradh Dhe, ach ’s e smachducha a’ pheacaidh do ’n aon eil’ e; do ’n dara h aon ’s e searbhanta ’n Athar è ’g an toirt dha’ thigh do thigh an Athar neamhaidh, ach do ’n aon eile ’s e maor certais è d’ an glacadh air son ain-fhiach oilteil a pheacaidh. C. Creud an t eidir-dhealuch ata eidear an uaigh do na na creidmhich, agus do na neo’-chreidmhich? F. Ata an uaigh na leabaidh taimh do na creidmhich ann san codail iad ann Josa Criost, agus fan trid fearta a’ cheangail ata gna’ mhairthean eidear Criost agus iadsan, a theid an dusgadh air maidin na h ais-eirigh; ach ata ’n uaigh mar ghaintir do na neo’-chreidmhich ann sam biodh [TD 193] an corpaibh air an coimhead gu la mòr a bhreitheanais, agus o ’m biodh iad air an dusgadh le cumhachd Dhe am breitheamh uath-bhàsach. C. Cionnas a dh’ fheadas aonachd no coi’-cheangal air bith, bhi eidear neach co ghlormhor re Criost, agus ar corpaibh graineil se ’n tra’ bhios iad ag lobhtha ann san uaigh? F. Do bhri’ cha ’n è ’mhain, gu ’m bheil an coi’-cheangal ata eidear Criost agus na creidmhich aig righeachd air an dùs agus an luaithre sin, ach gu sonruichte, do bhri’ gu bheil ceangal teann diomhair eidear Criost mar an ceann, agus na creidmhich mar bhuill a chuirp dhiomhair sin, agus thaobh gur cuid do ’n chorp dhiomhair so dus nan creidmhich, ata Criost ag amharc orra mar ni ’ta ’n dlu’ dhaimh dh’a fein. C. O ’ta ’m bás ag sgaoileadh a cheangail ata eidear an t anam agus an corp, c’ ar son nach ’eil é mar an ceadna a’ sgaoileadh a cheangail ata eidear Criost agus an corp? F. Do bhri’ nach feadar an ceangal diomhair ata eidear Criost agus a luchd muintir a sgaoileadh air doidh air bith, air achd as nach fuasgail am bàs fein è, mar ata è deanamh air gach ceangal agus daimh eile; ach ata è air an doigh so cosmhuil ris an aonachd Phearsonta ’ta eidear nadur na Diadhachd, agus nadur na daonachd ann an Josa Criost, oir, ’n uair a dh’ fhuiling Criost am bàs, mhair an aonachd Phearsonta, do bhri’ gu roibh nadur na Diadhachd ceangailte r’ a anam air neamh, agus r’ a chorp ann san uaigh: mar so, ’n uair a dh’ eugas na creidmhich ’ta ’n ceangal diomhair so gna’ mhairthean, do bhri gu ’m bheil Criost an ceann, coi’-cheangailte mar aon r’ an anamaibh air neamh, agus r’ an corpaibh nan luidheadh ann san uaigh. C. Am bheil cuirp nan creidmhich uil’ air an cuir an san uaigh? F. Cha ’n ’eil ann an seagh teann; oir bha cuid [TD 194] do na mairtireich air an losgadh gu luaithre ann san teine, bha cuid eile air an cosgradh le fiadh-bheistibh, agus cuid air am bàthaidh ann san fhairge; ach ciod air bith àit’ ann sam bheil an corpaibh air an tasgaidh chum fàs truailleadh, ata sin mar uaighibh dhoibh sin agus bheir Criost as iad. C. Ciod é an t adhbhar m’ an abrar codal re bàs nan chreidmhich? F. Do bhri’, mar ata codal ag toirt fois agus taimh do ’n duine sgith le obair agus saothair; mar an ceadna ’ta ’m bàs a’ toirt fois agus clos do ’n chreidmheach ata sgith le bhi cathachadh gu saothrach ann aghaidh a pheacaidh agus an diabhoil. Os-bar ata am bàs mar chodal do ’n chreidmheach do bhri gu ’m biodh se air a dhusgadh airis air maidin na h aiseirigh, Sal. 17. 15. agus 49. 14. C. C’ ar son a deirir leabaicheadh taimh re uaighibh nan creidmhich? F. Do bhri’ gu ’m bheil iad a’ gabhail taimh’ o uil’ amhghairibh agus saothair an t saoghail so, o gheur-leanmhuin nan aingidh, o bhuaireadh an diabhuil, agus o oibreacha a pheacaidh. C. Cia fhad a dh’ fhanas iad ann an uaighibh? F. Gu ’n an uig ais-eirigh. Ceist XXXVIII. Creud iad na sochaire ’ta na creidmhich ag faghail o Chriost ann san-ais-eirigh! F. Ann san ais-eirigh, air bhith do na creidmhich air an dusgadh as an uaighibh ann an gloir, bithidh iad air an aithneacha gu follas, agus air an deanamh uile bheannuichte ann an Dia a lan mhealtuin gu siorruidh. C. Creud ata air a chialluchadh leis an ais-eirigh ann san áite so? [TD 195] F. Eirigh na marbh gu h uile o ’n uaighibh, beag agus mòr, maith agus olc, a bha beo air thalamh ann ’s gach linn do ’n t saoghal, o ’n cheud chruthachadh gu ’n uig an la deireannach, Gniomh. 24. 15. Tais. 21. 12. C. Creud an t eidir-dhealluch ata eidear ais-eirigh agus cruthachadh? F. ’S è cruthachadh ni nuadh a dheanamh as an talamh aig nach roibh bith no * tabhachd roimh laimh; ach ’s e ais-eirigh bhi ag togbhail a chuirp sin fein airis as a dhus ann san roibh è. C. C’ uin’ a bhitheas an ais-eirigh choit-cheann so? F. Air an la dheireannach, ’n uair a thig Criost chum breathanais. C. Cionnas ata thu co’duchadh cinnt agus firinn na h ais-eirigh? F. O uile chumhachd Dhe ’ta leoir fhoghainteach chum na mairbh a thogbhail suas; agus leis an sgriobtur naomh, ann sam bheil Dia gu soilleir ag innseadh gu tog è suas iad. C. Ciod a b’ adhbhar do mhearachd nan Sadduiseach a bha ag aich-sheun na h aiseirigh? F. Gu roibh iad ain-eolach air da bhunait’ mhòr an teagaisg so, eadhon, na sgriobtuiribh agus cumhachd Dhe, mar dh’ innis Criost doibh, Mat. 22. 9. C. Cionnas a dh’ fheadadh iad bhi ain-eolach air teagasg na h ais-eirigh o sgriobtuiribh an t sein tiomnuidh, do bhri’ gu bheil Job agus Daniel ag labhairt co-shoilleir m’ an chuis riu? Job 19. 26. 27. Dan. 12. 2. F. Cha roibh ach beag meas aig na Sadduiseach do chuid air bhith do na sgriobhain sin, ach do chuig leabhraicheann Mhaois, agus bha iad a’ smuainteachadh nach roibh an cunntas bu ludha air an ais-eirigh na air an aith-bheatha ionnta san; ach cho’-duich ar slanui’-fhear a cheart atharrachadh gu soilleir as na leabhraichean sin fein, * briogh [TD 196] leis an do chuir è nan tosd iad uile, Mat. 22. 31. 31. 32. &c. Marc. 12. 26. 27. C. Cionnas a cho’duich Criost an ais-eirigh, agus an aith bheatha o leabhraichean Mhaois? F. O Ecsod. 3. 6. Am sam bheil Dia ag labhairt re Maois o ’n phreas, fad ann diaidh do Abraham, do Isaac, agus do Jacob bhi marbh, ag radh, Is mise Dia Abraham, Dia Isaac, agus Dia Jacob. ’Noiss thaobh nach ’eil è ag radh bu mhi an Dia; ach ’s mi an Dia san àm; ata ar Slanui’-fhear ag riosunachadh uaithe so, cha ’n eisean Dia na marbh, ach Dia nam beo. Agus thaobh gu ’m bheil daimh a choi’-cheangail buan-sheasmhach, b’ eigin gu roibh an anamaibh beo san àm sin, agus mar an ceadna, gu ’m bithidh iad air an ceangal r’ an corpaibh airis. ris am bheil togradh nadurra aca, chum ’s gu ’m biodh iad air an deanamh sonadh gu siorruidh ann an Dia a lan mhealtain mar an Dia fein. C. Ach nach ’eil foillsicheadh moran n’ as soilleireadh aguinn air an ais-eirigh o ’n Tiomna nuadh? F. Ata ann iomad àite dheth. C. Ach cionnas a dh’ fheadar a chreidsin gu biodh cuirp na marbh air an togbhail airis chum an staid ann san roibh iad ann diaidh dhoibh dol fuidh coi’-lion atharrachaidh? F. Cha bu choir a mheas air doigh air bhith mar ni do-chreidsin gu ’n duisgeadh Dia na mairbh: oir mu bha chumhachd san comasach air an t saoghal gu leir a dheanamh do neimh-ni, cha ’n fheadar a mheas mar ni cruaidh air sin ar corpaibh a thogbhail suas o ’n dus d’ an roibh iad air an deanamh air thùs, Gniomh. 26. 8. C. Nach d’ thug Dia iomad dearbha’ agus eisempleir dhuinn’ air a chumhachd a thogbhail na marbh? F. Thug, mar bha ann a’ mac bain-trea’-ch Sarepta a thogbhuil leis an fhaigh El jah, mac na [TD 197] Shunamatich le Elisha, Dorcas le Peadar, Eutichus le Pol, Os-barr, ais-eirigh Chriost fein, agus ann h uile a thog eisean fhad sa bha è air thalamh, 1 Riogh 17. 2 Riogh 4. agus 13. Gniomh. 9. Gniomh. 20. Mat. 9. Eoin 11. C. Nach ’eil nadur agus buaidh neo’-chriochnach ceartais De ag iarruidh gu m’ bithidh ais-eireigh ann? F. Ata; oir do bhri’ gu ’n roibh cuirp nan aingidh gniomhach ann am peacaidh, ata è co’-thromach gu ’m bithidh co’ pairt aca ann an smachduchadh air an son; agus thaobh gu ’n roibh cuirp nan creidmhich nan armaibh ann seirbheis De, ata è co’-thromach mar an ceadna, gu ’m bithidh iad ag co’-partuchadh ann san duais agus ann sa ghloir a luidh-easaichear orra. C. Nach ’eil cuid do riosanaibh sonruichte aguinn air son ais-eirigh corpaibh nan creidmhich? F. Ata; ais-eirigh Chriost ann ceann, agus nadur coi’-cheangail De ris na creidmhich nan riosana no nan argumainte cinnteach agus a lan tholicheas. C. Am biodh na mairbh air an dusgadh leis na ceart chorpaibh a bh’ aca ’n uair a bha iad beo? F. Bithidh. C. Cionnas ata thu co’dachadh sin? F. Do bhri’ gu ’m b’ iad na corpaibh sin, ceart armaibh Diadhachd, no ain-diadhachd, ata è co’-thromach gur iad sin, agus nach cuirp eile, a gheibh an duais no am peanas. Os-bar, mar b’ iad na ceart’ chorpaibh a bh’ aca roimhe a dh’ eireadh, bhithidh è na nuadh chruthachadh, ann àite bhi ’n a aiseirigh. Ach ata Job ag cur na cuis a’s an teagamh, le bhi ag deimhineacha dhuinn gur h iad na ceart chorpaibh sin a bhios ann; Job 19. 26. 27. “Agus ann diaidh mo chraicin ge do sgriosfas na cnuimhibh mo chorp, gidheadh ann a’ m’ fheoil chi mise Dia: neach a chi mi [TD 198] air mo shon fein, agus dearcaidh mo shuile air, agus cha ’n aon eile.” C. Nach biodh atharrachadh air corpaibh nan creidmhich ’n tra’ dhuisgear suas iad, o ’n staid ann sam bheil iad san àm so? F. Cha bhi thaobh tabhachd no naduir, ge do bhitheas atharracha’ mor orra thaobh buaidhibh. C. Creud an t atharracha’ buaidhean a bhios air corpaibh nan creidmhich ann san ais-eirigh? F. Bha ’n cuirp ann sa bheatha so anmhunn, eas-lainteach, truaillidh, agus bàsmhor, agus nan corpaibh graineil, mar bha iad gniomhach ann am moran peacaidh; ach ann san àm sin bithidh iad nan corpaibh neartmhor, slan, fiorghlan, spioradail neo’-thruaillidh, neo’-bhàsmhor, agus maiseach, Phil. 3. 21. 1 Cor. 15. 42. 43. 44. 52. 53. 54. C. Cionnas a deirir gu bheil cuirp nan creidmhich air an dusgadh suas ann an gloir, agus air an deanamh cosmhuil re corp glormhor Chriost? F. Do bhri’ gu ’m biodh co’-pairt aca ann a ghlòir-sin, oir bithidh corp Chriost ag dealradh mar a ghrian, agus bithidh an cuirp sin ag dealradh mar reulta ma thimchioll sin, ach bithidh an gloir sin uil’ a’ teachd o ’n dealradh bhios ann an Criost an ceann amhain. C. Nach biodh eidir dhealuch mòr eidear ais-eirigh na m fireanibh agus ais-eirigh nan aingidh? F. Bithidh; oir eirigh na naoimh chum beatha shiorruidh trid fearta ais-eirigh Chriost, agus an aonachd ris sin, ach eirigh na h aingidh chum diteadh, trid fearta cumhachd agus ceartais De, a bheir o ghaintir chum breitheanais mar luchd doi-bheart iad. Eirigh na naoimh le gloir agus luath-ghair, a measg aingle coimhideachd; ach eiridh na h aingidh le oilt agus ball-chrith, le mòran mi-dhreach agus uathbhàis nan gnuis mar dhaoine bhios a dol chum binne teine shiorruidh. [TD 199] C. Creud a mheadhon mhòr leis an duisgear na mairbh ann san la dheireannach? F. Le guth an ard-aingil, agus fuaim na trompaid dheireannaich, ni a bheir gairm co chumhachdach do na mairbh, nach fead aon neach a-diultadh, ach s eigin dhoibh eiridh is teachd ann lathair a bhreitheamh. C. Nach biodh grad sgarachduin air a dheanamh ann san la sin eidear na h ionracain agus na h aingidh? F. Bithidh; oir biodh na h aingeal san àm sin ag saothrachadh a sgaradh nan firean o luch mi-ghniomh, agus ’g an tional r’ a cheile nan aon bhuidhean bheannuichte. C. Ciod a nithear ris na creidmhich ann sin? F. Bithidh iad air an togbhail suas le cheile ann comh-dhail ann Tighearna ann sna neulaibh. C. Creud iad na sochairibh a bhios aig’ na creidmhich ann lathair caithir breitheanais ois cionn dhaoine’ eile? F. Cuiridh Criost air a laimh dheis iad, aithnichear gu follasach agus lan shaorar iad leis, foillsichidh è choir ata aca air an oighreachd ghlormhor a chuaidh dheasachadh dhoibh, agus bheir è cuireadh dhoibh sealbh a ghabhail orra, bheir è an onoir dhoibh suidheadh mar luchd binn ann am breitheanas air ainglibh agus daoin’ aingidh. C. Ciod ata thu cialluchadh leis na creidmhich a bhi air an aithneacha’ gu follasach le Criost air an la sin? F. Gu gabh é riu gu follasach mar an dream ata air an tagha agus air an saoradh leis. C. Co m’ am bheil Criost ag radh gu ’n aithnich é mar a luchd muintir fein iad air an la sin? F. Iad san ata gabhail re Criost, agus ’g a aidmhicheadh san àm so? C. Co iad a dh’ aich sheunas Criost air an la sin? F. Iad san nach ’eil a’ gabhail re Criost; agus ata ’g a aich-shean sin anois, Mat. 10. 32. 33. [TD 200] “Uime sin ge b’e dh’ aidmhicheas mise am fiadhnais dhaoine aidmhichidh mis’ eisean mar an ceadna am fiadhnais m’ Athar ata air neamh. Ach ge b’e dh’ aich-sheunas mise am fiadhnais dhaoine, aich-sheunaidh mis’ eisean am fiadhnais m’ Athar ata air neamh.” C. Creud ata thu cialluchadh leis na creidmhich a bhi air an lan shaoradh ann san la sin? F. Gu ’m biodh iad air am fireannachadh gu follasach le Criost, agus air am fuasgladh o chiont am peacaidh uile; agus gu ’m biodh eisean ’g an toirt anios, agus ’g an glanadh gu soilleir o sganail agus o droch iomradh an t saoghail. C. Nach ’eil na creidmhich air an aithneach agus air an saoradh roimh ’n ám so? F. Ata è ’g a dheanamh so san t saoghal so, ’n uair ata am peacaidh air an logha dhoibh, agus ’ta è toirt fios dhoibh air ’n uair ata ’n Spiorad naomh a’ deanamh fia’-nais le ’n coguisibh fein, Rom. 8. 16. 33. 1 Eoin 3. 21. C. Ciod an t eidir dhealuch’ ata eidear an doidh air am bheil Criost ag aithneach’ agus a’ saoradh nan creidmhich san ám so, agus an doidh air an dean é so aig caithir breitheanais? F. Ata so, 1. Thaobh foillsichidh; ata cheud aon dhiubh diomhair ann uchd a chreidmhich fein, ata an dara h aon follasach ann lathair dhaoin’ agus aingeal. 2. Thaobh cinnt an duine fein ’m an chuis, oir feadaidh è cheud aon a chuir an teagamh, ach cha ’n fhead è teagamh air bith a bhi aige mu ’n dara h aon, oir as binn lagha i air a labhairt le beul a bhreitheamh air doidh ro shonruichte. C. Ciod a tharlas ann lorg an aithnicheadh agus an lan shaoruidh so? F. Cuiridh è gu siorruidh air cùl gach teagamh agus eagal o anamaibh nan creidmhich, agus bithidh iad air an lionadh le aoibhneas do-labhairt, agus [TD 201] lan do ghloir. Uime sin deirir àm an fhuaraiche dhoibh ris an la sin, Gniomh. 3. 19. C. Nách bu choir d’ ar creidimh ann san aithneach agus ann san lan shaoradh so, ar deanamh misneachail a ghabhail re Criost ann a phearsa, ann a oifigibh, agus ann a fhirinibh ann aghaidh gach cunntart? F. Bu choir. C. Cionnas a rigeas sinn air an ais-eirigh shona’ agus air an lan shaoradh sin, air an la dheireannach? F. ’S eigin dhuinn bhi saothracha’ chum ’s gu fuighear sinn ann an Criost, agus bhi sgeuduichte le fhireantachd sin, bhi sior leantain air sin agus air slighe na firinn, bhi ag ceusadh na feola, agus bhi ’g oirpeachadh naomhachd ann ’s gach uile chaithe beatha. C. ’N uair bheir Criost am breitheamh’ mach binn shaoruidh agus diteadh nach d’ theid an cuir ann gniomh air ball? F. Theid; oir ann diaidh an toirt amach, ata è air a chuir ris, Mat. 25. 46. “Gun im’ ich na h aingidh chum peanais siorruidh; ach na fireanaidh chum na beatha mhairtheanaich.” C. Nach eigin do na h aingidh co’ throm na binn a thig amach nan aghaidh aid’ ichidh? F. ’S eigin, oir ann toirt amach na binne so, ta Criost a toirt dhoibh a cheart ni a bha iad a’ ’roghnuchadh agus ag iarruidh roimh laimh. C. Ciod è sin? F. Bhi fada o Dhia: agus mar a dubhairt iadsan re Dia ann sa bheatha so, im’-ich uainne; mar sin deir eisean riu sin im-ichibh uamsa. C. Nach fuigh na naoimh sealbh air sonas air ball ann diaidh am binne? F. Gheibh. C. Creud an sonas a bhios aca ann diaidh do ’n bhreitheanas dol seachad? [TD 202] F. Bithidh iad air an deanamh uile bheannuichte ann an Dia a lan mhealtuin gu siorruidh. C. Ciod ata r’ a thuigsin le bhi uile bheannuichte? F. Saorsadh iomlan o gach uil’ olc, agus bhi lan mhealtain gach aon ni maith. C. Creud iad na uilc o ’m biodh na creidmhich air an saor-fhuasgladh ann rioghachd na gloire? F. O gach gne pheacaidh, cionta no salachar, o gach togradh no buaireadh chum peacaidh, agus o uile thoradh searbh a pheacaidh, mar ata gearan, eagal, no gne air bith do thriobloid. C. C’ uin’ a bhios duin’ a’ mealtain gach aon ni maith? F. ’N uair a rigeas é air bhi ag lan mhealtain Dhe. C. Am fead sinn righeachd air a sin air thalamh? F. Cha ’n fhead; oir ge ’ta luchd muintir Dhe g a mhealtain ann an tomhas eigin san t saoghal, ’n uair a gheabh iad co’-chomunn maille ris, ann a orduighean fein; gidheadh ’ta lan mhealtain Dhe air a choimhead, agus air a thaisgidh fa chomhair rioghachd neamh na dhiadh so. C. Creud iad na nithe ann sam bheil lan mhealtain Dhe air neamh a co’-sheasamh? F. 1. Ann bhi air an gabhail a steach chum a latharachd ghlormhor. 2. Ann an sealbhachadh a ghnuis le beachd sùl gu neo’-mheadhonach. 3. Ann ann lan dearbh-beachd agus mothach air a ghradh. 4. Ann bhi air an deanamh cosmhuil ris. 5. Ann an lan thlachd agus toil-inntin ann Dia, mar an cuimh-roinn siorruidh. C. Am fead creatuir air bhith Dia a lan mhealtain? F. Cha ’n fhead creatuir air bhith Dia a lan mhealtain mar ’ta Dia ’g a mhealtain fein; ach bithidh na creidmhich ’g a mhealtain air neamh, [TD 203] air doidh co’ iomlan as a cheaduicheas an naduir dhoibh so a dheanamh. C. Cionnas a dh’ fheadas duin’ air bith gnuis De fhaicsin, thaobh gu ’m hheil é neo’-fhaicsionach? F. Ata è neo’-fhaicsionach do shuil a chuirp, ach ni bheil è mar so do shuilibh an anama. C. Cionnas a dh’ fheadas creatuir air bith bhi cosmhuil re Dia ata neo’-chriochnach? F. Ata naomhachd agus fior-ghloin a chreatuiribh riosunta, nan samhla, agus ’n a cosamhlachd ann cail-eigin air naomhachd neo’-chriochnach Dhe. C. Cia fhad a bhios na creidmhich air am beannuchadh ann bhi a lan mhealtuin Dhe air neamh? F. Ni h ann car laithe no bliadhnaidh, ach gu SIORRUIDH, agus ’s e so an ni a dh’ fhagas an sonas ro bhlasta ann san ionad sin, gu ’m biodh è gun chrioch, agus gu biodh iad gu siorruidh maille ris an Tighearna. C. Cionnas a deirir gu ’m bi Dia na UILE ANN ’S GACH UILE? F. Ata è ag teagasg na nithe sin, 1. Gu ’m bi na naoimh air an lan dioladh ann sin le Dia amhain. 2. Nach bi feum air bith air na nithe criochnach o ’m b’ abhaist dhoibh co’-fhurtachd a tharruing. 3. Gu ’m bi gach ni bha toirt sòlais dhoibh roimh ’n àm sin, air am faghail, agus air a’ mealtain ann Dia air doidh choi’-lionta. C. Nach bi e mar ghna’ obair aig na naoimh air neamh bhi toirt adhraidh, moladh, agus seirbheas do Dhia? F. Bithidh. C. Nach toir an adhradh, agus an seirbheas air neamh buaidh gu mór air an adhradh agus an t seirbheas as mo iomlanachd air thalamh? F. Bheir, do bhri’ nach bi measgadh peacach, seachran cealgoireachd, no neo’-iomlanachd ann nan adhradh a r neamh. Ach bithidh iad ga [TD 204] dheanamh leis an tlachd as mo, agus a buan-mhaireachduin ann gun sgios gun chlos gu siorruidh. Ceist XXXIX. Creud é an dleasdanas ata Dia ag iarruidh air an duine? F. Is è an dleasdanas ata Dia ag iarruidh air an duine umhlachd d’ a thoil ata air a foillseachadh’ C. Nach ’eil a cheisl so a’ toiseacha’ an dara cuid do leabhar nan ceist? F. Ata. C. Ciod è an t eidir-dhialuch’ ata eidear a cheud agus an dara cuid do leabhar nan ceist? F. Ata cheud chuid ag labhairt mu na nithe a bhuineas do chreidimh, agus ciod as coir do ’n duine a chreidsin mu thimchioll Dhe: Ata ’n dara cuid a’ laimhseachadh na nithe a bhuineas d’ ar gnathachadh, agus creid è ar dleasdanas do Dhia. C. Nach h iad sin an da ni mhòr ata na sgriobtuire gu h airidh ag teagasg? F. ’S iad, agus mar chualadh sin a cheud aon, bu choir duinn an dara h aon a thoirt fainear mar an ceadna, oir ’ta ni eigin aig’ an duin r’ a dheanamh co mhaith is r’ a chreidsin. C. Creud ata thu cialluchadh le dleasdanas ann san áite so? F. An ni sin ata dligheach do Dhia o ’n duine, no as coir do ’n duine a dheanamh do Dhia. C. Ciod ata thu cialluchadh le umhlachd? F. An duine bhi ’g aontachadh le toil De, ann ’s gach ni ata è ’g iarruidh no ag toirmeasg. C. Creud i riaghail ar dleasdanais agus ’n ar ’n umhlachd ne! F. Toll fhoillsichte Dhe. [TD 205] C. Creud ata thu cialluchadh le toil fhoillsichte De? F. A rùn ata è a’ taisbean, agus a’ toirt fios dhuinn’ air ann sna sgriobtuiribh. C. C’ ar son nach fhead * beul-oideas, no innleachda dhaoine bhi aguinn mar riaghail? F. Do bhri’ gu ’m bheil Dia a’ cur cul ris gach crabhadh thar tomhas, agus gach creidimh diomhain; ag radh, co ’ta ’g iarruidh nan nithe sin aig bhur laimh se, Isa. 1. 12. C. Am bheil toil air bith eil’ aig Dia thuille air a thoil fhoillsighte? F. Ata, eadhon a thoil dhiomhair. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear toil fhoillsighte agus toil dhiomhair Dhe? F. Is i toil dhiomhair De, a chomhairle shiorruidh agus orducha thaobh gach aon ni, nach biodh fios orra gus an d’ thig iad gu crich, ach ’s i toil fhoillsighte De na nithe ’ta è ag taisbean agus a cur far comhair mar ar dleasdanas, chum ’s gu ’n cuireamaid ann gniomh, agus gu leanamaid iad. C. Am bheil toil dhiomhair De na cuid air bith d’ ar riaghail-ne? F. Cha ’n ’eil; oir buinidh nithe diomhair do ’n Tighearna ar Dia-ne, ach buineadh na nithe ’ta air am foillsicheadh dhuinne, agus d’ ar cloinn Deut. 29. 29. C. Creud an t aobhar mu ’m bheil ar ’n umhlachd agus ar seirbhis’-ne dligheach do Dhia? F. Do bhri’ gur h è Dia ar cruthai’-fhear, ar fear coimhead, ar fear freasdail, ar ’n ard Thighearna, agus ar reachd thabhartaidh. C. Am bheil umhlachd dligheach do neach air bith c h do Dhia? F. Ata, ’s eigin do shearbhanta bhi umhal d’ am maighisdiribh, clann d’ am parantaibh, & iochdarain d’ an uachdarain, ach cha ’n ann air an * beul-theagasg [TD 206] doigh air am bheil è ceangailt orra umhlachd a thabhairt do Dhia. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear an umhlachd ata dligheach do Dhia, agus an umhlachd ata dligheach d’ ar ’n uchdarain? F. ’S eigin dhuinn umhlachd a thoirt do Dhia air a shon fein, agus thaobh ughdarrais ard Thighearnail sin, ach ’s eigin dhuinn umhlachd a thoirt d’ ar ’n uchdarain shaoghalt, gu h airid do bhri’ gu bheil Dia ’g a iarruidh oirne, agus do bhri’ gu bheil an tiartas sin do reir a thoile sin. C. Creud is coir a dheanamh ’n uair a bhios àitheanta Dhia, agus àitheanta dhaoin’ ann aghaidh a cheile? F. ’N uair a tharlas sin ’s eigin dhuinn umhlachd a thoirt do Dhia air thoiseach air daoine, Gniomh. 4. 19. C. Creud i a ghne umhlachd sin a bhios taitneach do Dhia? F. ’S eigin dh’i bhi neo’-mheangail, buan, & iomlan; ’s eigin dh’ i sruthadh o dheadh bheasaibh, eadhon, o chridhe nuadh, o chreidimh, o ghradh, do Dhia, agus do Josa Criost; ’s eigin dhoibh criochan ceart a chur rompa, eadhon gloir Dhe a chuir air a h aghaidh. C. Am fead sinn ni air bith a thoiltin aig laimh Dhe le ’r ’n umhlachd? F. Cha ’n fhead, ach ’s eigin dhuinn sinn fein a mheas mar shearbhanta mio-tharbhach ann diaidh dhuinn an ni as fearr ata ’n ar comas a dheanamh, ata na dleasdanais is fearr as urradh sinn a dheanamh neo’-iomlan, air achd is gur ann trid umhlachd Chriost, agus cha ’n ann air son ar ’n umhlachd fein a bhios sinn air ar teasairgin. C. Ge ’ta chuis mar so, nach h é ar dleasdanas umhlachd a thoirt do Dhia do reir ar comais? F. ’S e, do bhri gu bheil Dia g a iarruidh oirne. [TD 207] C. Nach gabh Dia r’ ar ’n umhlachd ma bhios i treimh-dhireach, ge do bhios i neo’-iomlan? F. Gabhaidh, air sgath diolaidh agus eidear-ghuidhe Chriost. C. Nach cuing do dhaoine bhi gna’ cheangailte re umhlachd a thoirt do Dhia fad uile laithe am beatha? F. Cha ’n eadh; oir measaidh iad sin d’ an aithne Dia, agus ata a’ toirt graidh dh’ a a sheirbheas sin mar an t saorsa as mo, Sal. 119. 45. C. Am bi iad saor a sheirbheas De air neamh? F. Cha bhi; oir ann san àite sin ni a shearbhanta seirbhis dh’ a agus measaidh iad so mar an ard shonas, Tais. 22. 3. C. Nach biodh eidir-dhealach’ mor eidear an t seirbheis a bheir iad dh’ a air neamh, agus an t seirbhis ata iad ag toirt dh’a anois? F. Bithidh; oir ann sin, ni iad seirbheas dh’a gun pheacadh no sgios. Ceist. XL. Creud i an riaghail umhlachd a thug Dia do ’n duin’ air thoiseach? F. Do b’ i an riaghail umhlachd a thug Dia do ’n duin’ air thoiseach lagh na modhannaibh. C. Am bheil an duin’ air orduchadh chum bhi faoi cheangail agus stiuradh lagha? F. Ata. C. C’ ar son sin? F. Do bhri’ gu ’n d’ rinneadh è le buaidhibh riosunta, air son seirbheas a chruthai’-fhir, uime sin, ’s eigin dh’ a bhi freagarach do Dhia air son a ghniomhartha. C. Creud am feum ata ann an lagh do dhaoine? F. A nochda’ dhoibh creud é peaca’ agus dleasdanas. C. Creud è an reachd a fhuair an duine an toiseach? [TD 208] F. Lagh na modhanna. C. Creud ata thu ciallucha ’le lagh na modhanna? F. An lagh sin ata na riaghail ghna’-sheasmhach, thaobh ar beasaibh agus ar giulan, an ni sin ata na thaisbean neo’-mhuiteach air toil De, thaoibh dleasdanais a cheartais, ata dligheach o gach aon duine do Dhia, agus d’a choimhearsnach, ann ’s gach linn do ’n t saoghal, an lagh fin ata gu h aith-ghearr air a chur sios ann s na deich àitheantaibh. C. C’ ar son a deirir lagh na modhanna ris? F. Do bhri’ gu bheil è ’n a riaghail buan mhairtheanach, chum ar beasaibh agus ar caithe beatha thaobh De agus dhaoine a riaghluchadh. C. C’ ar son a deirir gu ’m b’ e lagh na modhanna a cheud riaghail a thaisbeanadh do ’n duine ’n uair a bha na deich àitheanta air an tabhairt amhain air sliabh Shinai, ois-cionn da mhile hliadhna ann diaidh cruthachaidh an duine? F. Ge ’ta chuis mar so, gidheadh b’e lagh na modhanna a cheud riaghail, do bhri’ gu roibh è sgriobht’ air cridhe an duine ’n a cheud chruthachadh, air bhi dh’a air a dheanamh do reir iomhaidh Dhe. C. Am bheil an lagh so do ghna’ ag fantuin sgriobht’ air cridh an duine? F. Ge ’ta ’n lagh so gu brònach air fas dorcha trid a cheud leagaidh, gidheadh, do bhri’ gu bheil è ag freagradh do sholus naduir, ’ta cail-eigin do fhuigheil dheth ra fhaghail air cridheachan a chinnidh dhaoine gu leir. C. Am bheil na Geintilich fuidh cheangal lagh na modhanna, aig nach ’eil na sgriobtuir a thoirt eòlais dhoibh air? F. Ata è ceangailt’ air a chinneadh dhaoin’ uile, do bhri’ gu ’n d’ fhuair an duine lan eòlas air ann a cheud chruthachadh, agus san le choire fein a chaill è ’n t eòlas so. Agus ge nach ’eil solus nan sgriobtur aig na cinnich, gidheadh ata [TD 209] urrad do lagh na modhanna air a thaisbean dhoibh le solus naduir, as ata leor fhoghainteach chum am fagail gun leith sgeul air son an eas-umhlachd, Rom. 2. 14. 15. C. Ma ’ta lagh na modhana nadurra dhuinn, ciod am feum a bha air a sgriobhadh ann sa Bhiobul? F. 1. Do bhri’ gu do tharruing ceud thuiteam an duine dorchadas truagh air ar ’n anamaibh, agus gu do chuir è as do eòlas an lagha so. 2. B’aill le Dia le so a nochdadh, gur eisean ughdar an lagha agus soluis naduir mar aon. 3. Chum an duine fhagail ni bu lugha leith-sgeul. C. Am fead duine air bith righeachd air slainte le umhlachd do lagh na modhanna? F. Cha ’n fhead. C. Am bheil è co’-thromach do Dhia umhlachd iomlan do ’n lagh so iarruidh ’n uair nach ’eil duin’ air bhith comasach air a toirt seachad? F. Ata; oir feadaidh Dia le ceartas an ni sin iarruidh air am bheil coir aige, ge do chaill sinne so le ’r coire fein. Thug Dia do ’n duine ann a cheud chruthachadh cumhachd chum umhlachd iomlan a thoirt seachad, ach mhio-bhuileach è so: ’Nois ge nach bi am fear a bhios fuidh ain-fhiach comasach air a dhioladh, gidheadh cha ’n ’eil am fear agartais le sin a’ call a choir air a chuid fein iarruidh. C. C’ ar son ata ’n lagh air a thoirt do dhaoinibh ’n uair nach fead neach air bhith beatha fhaghail d’ a thrid? F. Chum bhi na ghrabadh air a pheacadh, agus mar riaghail fireantachd, ach gu sonruichte bha ’n lagh air a thabhairt mar mhaighisdir-sgoile g’ ar treorachadh dh’ionnsuidh Criost, Gal. 3. 24. C. Cionnas ata ’n lagh na Mhaighisdir-sgoile g’ ar treorachadh dh’ ionnsuidh Chriost? F. Mar bhithis Maighisdir-sgoile le bhagraibh & le slataibh ag brosduchadh scoilearain a bhios [TD 210] doi-theagasg chum eòlas fhoghlum air son a’ maith fein; mar sin ata ’n lagh le thagraibh, le impidh, le bhagraibh, agus le mhallachdaidh ag dusgadh anamaibh neo’-mhothachail, gu sealladh d’ am peacaidh agus d’an cunntart, chum a’s gu teichdh iad a dh’ ionnsuidh Criost air son fireantachd iomlan a fhreagradh iartais an lagha, agus d’ an dion o mhallachadh. C. Am bheil an lagh a’ treorachadh na h uile dhaoine dh’ ionnsuidh Chriost. F. Cha ’n ’eil. C. Ciod am feum ata san lagh dhoibh sin nach ’eil air an tabhairt a dh’ ionnsuidh Criost? F. Ata è ’g am fagail gun leith-sgeul ma chuireas iad cul re Criost, ann diaidh d’ am peacaidh agus d’ an cunntart bhi air am foillsicheadh dhoibh leis an lagh. C. Am bheil feum air bith ann san lagh do ’n dream ata air an iompochadh, agus air an tabhairt a dh’ ionnsuidh Chriost? F. Ata è feumail dhoibh sin, a nochda’ cia mor ata iad ann comain Chriost, a choi-lion an lagh agus a dh’ fhuiling a mhallachadh air an son; agus d’ an tarruing gu caithe beatha naomh agus taingeal chum gloir Dhe: Ach gu sonruichte ’ta ’n lagh air a thabhairt mar riaghail beatha, chum ’s gu’n riaghluicheadh iad an coluadar d’a reir. C. Cionnas a dh’ fheadas lagh na modhanna bhi na riaghail umhlachd faoi ’n t soisgeul, do bhri gu ’m bheil é air a radh nach ’eil iad fuidh ’n lagh, ach fuidh ghràs? Rom. 6. 14. F. ’S è seagh nam briathra sin, nach ’eil na creidmhich fuidh ’n lagh mar choi’-cheangal oibribh air bhi dhoibh air an saoradh o mhallachadh agus o chumhachd diteadh an reachd le Criost an urras sin, ach ge nach ’eil an lagh na choi’-cheangal dhoibh sin leis am biodh iad air an saoradh, no air an diteadh; gidheadh ata è gna’ mhaireachduin mar riaghail, leis am bheil an cridhe agus [TD 211] am beatha gu bhi air an riaghluchadh, Rom. 3. 31. Rom. 7. 7. 12. Tit. 2. 11. 12. 1 Cor. 9. 21. C. Cionnas a deirir gu ’r “h e Criost crioch an lagha chum fireantachd dhuinne? Rom. 10. 4. F. Do bhri’ gu bheil Criost ag freagradh na criche bh’ aig an lagh an toiseach fuidh ’n cheud choi’-cheangal, eadhon, a thoirt dhaoine gu umhlachd, no fireantachd iomlan chum an saoradh; agus cha ’n ’eil so anois r’ a faghail trid an lagha; uime sin ’s eigin dhuinn a h iarruidh ann an Criost ann sam bheil i r’ a faghail, ata run agus crioch an reachd air an cosnadh le Criost, thaobh gu bheil eisean ag freagradh do ’n creidmhich air son ceartais, fireantachd, agus saorsadh, ni a dheanadh an lagh dh’a nam b’ urradh è choimhead gu h iomlan. C. Am bheil lagh na modhanna a’ searmonachadh Chriost dhuinne? F. Cha ’n ’eil; ach ata Dia gu trocaireach a’ deanamh feum dheth mar spor ’g ar brosduchadh a theicheadh dh’ ionnsuidh Chriost chum slainte. C. Cionnas ata è deanamh sin? F. Le bhi ag nochdadh do dhaoinibh gu ’n do sgrios iad iad fein; agus nach ’eil è ’n an comas iad feid a theasairgin; agus mar so, ata è na Mhaighisdir scoile, g’ an toirt a dh’ ionnsuidh Chriost mar chuaidh mhineachadh roimh laimh. C. Ciod e ma seadh ’ta ag searmonachadh agus a’ teagasg slighe na slainte gu soilleir do dhaoine? F. An soisgeul. C. Creud àta thu ciallachadh leis an t soisgeul? F. Cuid air bhith do ’n t seun-tiomnadh no do ’n tiomnadh nuadh, ’ta toirt fios dhuinn air sgeul aoibhein na slainte, no ag comharthach’ mach na slighe g’ a h ionnsuidh, oir ’s e seadh an fhocail soisgeul, sgeul aoibhneach no teachdaireachd mhaith. [TD 212] C. Am bheil nuadhachd air bith ris an gabh peacach a gheabh mothach air a chunntart le urrad failte, agus a bheir sòlas dh’a cosmhuil ris an sgeulachd ata ’n soisgeul a’ tabhairt? F. Cha ’n ’eil seanachas air bith co aoibhneach re teagasg saor ghràis, no sgeul co blasta re sgeul maitheanais cionta, slanui’-fhir agus slainte do na peacaich as mo. C. Am bheil an lagh agus an soisgeul ann aghaidh a cheile? F. Cha ’n ’eil; ach ata ’n dara h aon ag treorachadh chum an aon eile, Gal. 3. 21. 1 Tim. 1. 9. 10. 11. Rom. 3. 31. C. An d’ thug Dia Reachda air bith eile do dhaoinibh thuilleadh air lagh na modhannaibh? F. Thug è mar an ceadna do na h Judhaich lagh na coir-cheartais, agus lagh nan deas-ghnath, a chuaidh mhineachadh roimh laimh air a cheathramh ceist deug. Ceist XLI. Cia an t àit’ ann am bheil lagh na modhanna air a chur sios gu h aith-ghearr iomlan? F. Ata lagh na modhanna air a chur sios gu h aithghearr iomlan ann ’s na deich àitheanta. C. Creud ata thu cialluchadh leis an lagh a bhi air a chur sios gu h aith-ghear iomlan? F. Gu bheil suim aith-ghearr aguinn do lag h Dhe, no do lagh na modhannaibh, ata gu coillionta ann sa Bhiohul, ann sna deich àitheantaibh: agus cha ’n ’eil ann s na deich àitheantaibh, ach suim ro aithghearr do lagh na modhannaibh, ge ’ta iad n an suim fior iomlan dheth. C. Cionnas ata na deich áitheanta air àn roinn? F. Ann an da chlar; ata a cheud cheithir ann san cheud chlar, agus ata ar dleasdanas do Dhia [TD 213] air a chur sios ann ta: ata na sea àitheanta as deireannaich’ ann san dara clar, agus ata ar dleasdanas d’ ar coimhearsnach ionnta san. C. Cionnas ata na Papanaich ag roinn nan áitheanta? F. Ge nach urradh iad a dhiultadh gu bheil iad nan deich ann an aireamh, agus an deich sin air an roinn n an da chlar, thaobh gu ’m bheil au sgriobtuire co shoilleir g’ an innseadh mar aon, Deut. 4. 13. Gidheadh cha ’n ’eil iad sin ach a cuir tri ann sa cheud chlar, agus seachd ann san dara clar; le so a cur sgaile air an Iodhol adhradh: oir bu mhaith leo an dara h àithne a chonbhail am follach, ata co teann n an aghaidh, le bhi cur rompa nach ’eil innte ach cuid do ’n cheud àithn’, agus mar so, ata iad ag meas na ceud agus an dara h àithne nan aon àithne Agus chum ’s gu ’m bithidh aireamh nan àitheanta aca ata iad ag roinn na deicheamh àithne na dias. C. Nach ’eil an gnathacha’ so ro mhi riosunta? F. Ata; do bhri’ gu ’m bheil è ’n aghaidh seagh soilleir agus briathra nan àitheanta, oir ata è leoir shoilleir gu bheil a cheud agus an dara h àithne eidir-dhealuichte, ata cheud àithne ag seoladh gu cus-boir ceart ar ’n adhraidh, agus an dara h àithne chum slighe agus doidh cheart ar ’n adhraidh, agus m’ an deicheamh àithne ’ta è ro shoillear o na briathraibh nach ’eil ach aon àithne ann ta, oir ’s è an crioch shonruicht bhi ag toirmeasg do dhaoinibh bhi sanntacha’ ni air bith a bhuineas d’ an coimhearsnach, mar so, nam bithidh i gus a roinn idir, bu choir a roinn air a chuid bu ludha gu sea àitheantaibh, no gu coi’-lion àithne sa ’ta do nithe a bhuineas d’ ar coimhearsnach air an ainmeachadh innte. C. C’ àit’ an roihh na deich àitheanta air an tabhairt ann toiseach? [TD 214] F. Air sliabh Shinai. C. Ciod an doidh air an d’ rinneadh so? F. Leis a ghreadhnachas agus an uathbhas bu mhò, bha ’n sliabh air a dhunadh suas le fal, nach feadadh neach air bith beantain dh’a, bha na h aingeal a lathair ann, thainig gloir Dhe a nuas air doidh fhaicsineach ann an neol; bha tairneanach, tein aidheir, agus fuaim trompaid ann, agus chuaill iad guth an Tighearna, chriothnaich an sliabh, bha ball chrith air an t sluagh, agus bha Maois fein air chrith, agus fai dheoidh sgriobh Dia le mheur fein na dheich àitheanta air do chlar cloicheadh. C. C’ ar son a bha ’n lagh air a thabhairt air an doidh so? F. A lionadh an t saoghail le smuainteadh urramach thaobh Dhe an reachd-thabhairtidh; agus a nochdadh a chunntart ata ann am briseadh a lagh naomha sin. C. Creud iad buaidhean an lagha so? F. Ata è naomh, co’-thromach, maith, spioradail, agus ro fhairsing, Rom. 7. 12. 14. Sal. 1. 19. 96. C. C’ ar son a deirir lagh Spioradail ris? F. Do bhri gu ’m bheil è righeachd smuainteadh agus fonn a chridhe, co maith re gniomhartha na beatha agus an coluadar. C. C’ ar son a deirir lagh ro fhairsing ris? F. Do bhri’ gu bheil an seagh ata aige gabhail moran a steach’ ann am briathraibh aith-ghearr. C. Creud an doidh air am bheil an lagh co fhairsing. F. Ata è mar so air iomad doidh; mar eisempleir, ’n uair ata è ag toirmeasg peacaidh air bith, ata è air an amhuil cheadna ag àithne au dleasdanais ata na aghaidh sin, agus an uair ata è ag àithne dleasdanais air bith ata è mar an ceadna ag toirmeasg a pheacadh ata na aghaidh, agus ’n tra’ ata peacadh air a thoirmeasg, ata gach fònn, to- [TD 215] gradh agus miann d’ a thaobh, gach ceim agus coslas dheth, gach buaireadh, meadhon, briathra, agus gluasachd ata ’g aomadh ’g a ionnsuidh air an toirmeasg mar an ceadna, agus ’n uair ata dleasdanas air bith air àithne ata gach fònn, run, agus togradh ’ta iomchuidh air a shon, maille ris gach meadhon agus congnamh chum a chuir air aghaidh air an àithne mar an ceadna. C. C’ ar son a sgriobh Dia an lagh air claraibh cloiche? F. A theagasg dhuinne gu ’m bheil è sior-cheangaiit’ oirne, agus gu bu choir dhuinne a sgriobhadh ar claraibh ar cridheachan, no bhi guidhe air Dia so a dheanamh air ar soin-ne. C. Am fead duin’ air bith righeachd air cosamhlachd ris an lagh naomha so, ann sgach aon ni, thaobh cridhe, beatha agus gniomhartha? F. Chan fhead. C. Nach ’eil sin buailteach do mhalluchadh agus do dhiotadh an lagha mu bhriseas sinn é, no ma thig sinn gairid ann ni air bith? F. Ata. C. Cionnas a bhios sinne air ar dion o ’n mhallucha’ so? F. Le bhi ’g amharc air Josa Criost ar ’n urras-ne, agus air umhlachd iomlan agus fhireantachd san le creidimh chum freagradh air ar son. Ceist XLII. Creud is suim do na deich àitheantaibh? F. Is i is suim do na deich àitheantaibh, an Tighearna ar Dia do ghradhacha’ le ’r ’n uile chridhe, le ’r ’n uil’ anam, le .r ’n uile neart, agus le ’r ’n uil’ inntin, agus ar coimhearsnach a ghradhachach mar sinn fein. [TD 216] C. Creud ata thu cialluchadh le suim nan àitheantaibh? F. An tabhachd, no bhrigh shonruichte ata annta. C. Creud is suim do ’n cheud chlar do ’n lagh? F. Gradh do Dhia. C. Creud is suim do ’n dara clar? F. Gradh d’ ar coimhearsnach. C. C’ ar son ata ’n da chlar air an deanamh suas do ghradh do Dhia, agus d’ ar coimhearsnach? F- Do bhri’ gur h ann o ghradh ata gach umhlachd cheart ag srutha; oir, far am biodh fior ghradh do Dhia agus d’ ar coimhearsnach, bithidh gach uile dhleasdanas ata air an iarruidh san da chlar gu cinnteach ag leantain. C. Cionnas bu choir dhuinn’ an Tighearna ghradhachadh? F. Mar ar Dia-ne, agus le ’r ’n uile chridhe, le ’r ’n uil’ anam, le ’r ’n uile neart, agus le ’r ’n uil’ inntin, Mat. 22. 37. C. Creud as seagh do bhi ag gradhacha’ ’n Tighearna mar ar Dia-ne? F. Gur eigin dhuinn roghain a dheanamh dh ’e mar ar Dia, agus sinn fein a thoirt suas dh’ a sin. C. Creud as seagh do bhi gradhachadh an Tighearna le ’r ’n uile chridhe, le ’r ’n uil’ anam, le ’r ’n uile neart, agus le ’r ’n uil’ inntin? F. Ata è cialluchadh ar gradh do Dhia bhi neo’-mheangail, dian, beothail, agus ois-cionn gach aon ni eile, gu bu choir dhuinn gradh agus umhlachd a thoirt dh’ a le uile cumhachdaibh, agus le uile bhuaidhibh ar ’n anamaibh, agus ann taobh thall do gach ni saoghalt air bith. C. Creud iad na nithe sin bu choir dhuinn an Tighearna ghradhachadh ois an cionn? F. Ois-cionn gach aon ni ata sinn a’ mealtain air thalamh, mar ata, ar ’n airgiod, ar ’n oigh- [TD 217] neachd ar fearann, ar tighean, ar clan, no ar cairdibh, ar saorsa, no ar beatha fein. C. Creud an t aobhar ata aguinn air an Tighearna ghradhachadh ois-cionn gach aon ni eile? F. Do bhri’ gur eisean ughdar gach aon ni, gu ’m bheil oirdhearcachd gu neo’-chriochnach ois-cionn gach ni ’ta aguinn, eadhon ar bith, ar ’n anamaibh, ar neart, ar cairdibh, agus gach aon ni eile. C. Nach ’eil è laghail do dhuine speis a thoirt d’ a chairdean, agus do na nithe ata é a sealbhach air thalamh? F. Ata, mar bi speis ann barrach aige dhiubh. C. Cionnas a dh’ aithnicheas sinn ma ’ta speis ann-barr aguinn do nithe saoghalt? F. Is comhartha gu bheil è mar so ma ’ta ar smuainteadh m’ an timchioll a cur smuainteadh spioradail a’s ar ’n aire, agus an uair a gheabh iad ar ceud smuainteadh air maidin, no ar smuainteadh deireannach aig oidhche, no ’n uair a leanas smuainteadh talmhaidh n’ as faide na smuainteadh spioradail ruinne. C. Cionnas a dh’ aithnichear ma ’ta r gradh do Dhia ois-cionn gach aon ni eile? F. Bu comhartha maith air a so nam b’ urradh sinn a radh, gu ’m bheil meas aguinn do dheadh-ghean De ni as mo na ’ta aguinn do dheadh-ghean creatuir air bith, agus gu bheil call a dheadh-ghean sin ag righeachd ar cridhe n’ is faide na calldach saoghalt air bith, agus gu b’ fhearr leinn diom an t saoghail gu leir a chosnadh na diom an Tighearna. C. Co ’ta r ’a thuigsin le ’r coimhearsnach d’ an coir dhuinn gradh a thabhairt? F. ’S è gach aon duin’ ar coimhearsnach, agus uime sin bu choir dhuinn’ deadh run a bhi aguinn do na h uile dhaoine. C. Creud ata thu cialluchadh le bhi gradhacha’ ar coimhearsnaich mar sinn fein? [TD 218] F. Gu ’n tugamaid speis do dhaoin’ eile leis a cheart fhirinn agus neo’-mheangalachd graidh is ata aguinn dhuinn fein, no mar ata ar slanui’-fhear ga shoilleireachadh ann san riaghail roi-phreiseil sin, Mat. 7. 12. Bu choir dhuinn bhi ullamh a dheanamh do dhaoin’ eile mar a b’ aill leinn iadsan a dheanamh dhuinne; agus gun an ni sin a dheanamh air daoin’ eile, nach b’ aill leinn iadsan a dheanamh oirne nam bithidh iad ’n ar staidne, agus sinne ’n an staid sin. C. ’M bu choir dhuinn (do reir na riaghail so) fear sladaidh a chaomhnadh do bhri gu ’n deanadh eisean mar sin ris an dream a smachduicheadh è, no misg-fhear a shasuchadh le deoch, do bhri gu ’n tugadh eisean dhuinn’ i nam bithidh é na chomas? F. Cha ’n ’eil an riaghail r ’a tuigsin mu fhein-speis thruailleadh agus mhio-nosach, ach mu fhein-speis nadurra agus neo’-lochdach; ’s i so amhain bu choir a bhi na riaghail sheasmhach aguinn’ do thaobh ar coimhearsnaich, ann bhi deanamh mar b’ aill leinn daoin’ eile dheanamh dhuinne, ’s eigin d’ ar gniomhartha bhi air an riaghluchadh le tuigse m’ an chuis, agus cha ’n ann le claonadh truailleadh gu peacadh no mio-nos. C. Am bheil è ceangailt’ oirn uiread speis a thoirt d’ ar coimhearsnach sa bhios aguinn dhuinn fein? F. Cha ’n ’eil ’ach a cheart treimh-dhireachd graidh amhain. C. ’M bu choir dhuinn gach uile dhaoin’ a ghradhacha’ air an aon doidh? F. Cha b’ eadh; bu choir dhuinn gu deimhin gach uile dhaoin’ a ghradhachadh le deagh-run, ach na naomh amhain le mòr thlachd, Sal. 16. 6. C. Nach ’eil moran ag briseadh an reachd so, mu ghradh d’ an coimhearsnach? F. Ata, eadhon, iadsan ata cul-chàineadh an [TD 219] coimhearsnach, a ghuidheas olc dhoibh, agus ata gabhail tlachd o ’n cridhe ann an cron. Ceist. XLIII. Creud is reamh-radh do na deich àitheantaibh? F. Ata reamh-radh nan deich àitheantaibh air a chur sios ann s na briathraibh’s, Is mise an Tighearna do Dhia, neach a thug thusa as talamh na h Eiphte, agus as tigh na daoirse? Ceist XLIV. Creud ata reamh-radh nan deich àitheantaibh ag teagasg dhuinne! F. Ata reamh-radh nan deich àitheantaibh ag teagasg dhuinne, do bhri’ gur é Dia is Tighearn’ ann, agus gur è is Dia, agus is fear-saoruidh dhuinne, uime sin, gu bheil è dh’ fhiacha oirne uil’ àitheantaibh do choimhead. C. Creud ata thu cialluchadh le reamh-radh? F. Ni eigin ata air a labhairt, no air a sgriobha’ roimh-laimh, chum ni eile thoirt a steach. C. Creud is aobhar do reamh-radh nan deich áitheantaibh? F. A chuir cuid do riosanaibh, agus do argumainte far comhair, chum coimhead nan àitheantaibh a sparradh oirne. C. C’ ar son ata Dia a’ deanamh feum do argumainte a chuir impidh air dhaoinibh, chum umhlachd is gur eisean ard uachdaran an t saoghail, neach a dh’ fheadas gach aon ni is aill leis àithne? F, 1. A nochdadh gu bheil è ’g aontachd buintin ris an duine mar chreatuir riosunta, do reir buaidhibh a naduir. 2. A theagasg dhuinne gur i umhlachd do Dhia ar seirbhis riosunta. [TD 220] 3. A Theagasg dhuinn gu b’ aill leis gu ’n d’ thugadh a luchd muintir umhlachd dh’ a gu toileach saor, agus le ’n roghain. C. Creud na h argumainte d’ am bheil Dia ag deanamh feum ann san reamh radh so a sparradh umhlachd d’ a lagh oirne? F. Ata tri ann; agus ata cheud aon air a tarruing o ard uachdrananachd o ’s ar cionn, ann sna briathraibh sin, Is mise do Tighearna, ata an dara h aon air a tarruing o ’n daimh coi’-cheangail faoi ’m bheil è dhuinn, ann sna briathraibh sin, Is mise do Dhia sa, agus an treas aon, o ’n t saorsa dh’ oibreich è air ar soin-ne ann sna briathraibh sin, Thug mise ’mach thu as talamh na h Eiphte, agus as tigh na daoirse? C. Cionnas a deirir m’ an reamh-radh so, agus m’ an na deich àitheanta, “Gu ’n do labhair Dia na briathra so uile,” Exod. 20. 1. Ann an amhan mar labhair é chuid eile do ’n Bhiobul a labhair é so? F. Cha ’n ann: oir ann an ionadaibh eile do ’n Bhiobull, labhair Dia amhain air doidh mheadhonach le beul na ’m faidhean ach bha na briathra so air an labhairt gu neo’-mheadhonach le Dia fein. C. Cionnas a deirir gu ’n do labhair Dia ’n uair nach’ eil beul, no teanga, no inneal labhairt aige? F. Cha ’n ’eil Dia a labhairt mar ’ta sinne, ach is fhurras dh’ a san ata uile chumhachdach, guth a chruthachadh ann san aidhear, agus briathra soilleir a labhairt ’n uair is aill leis. C. Nach ’eil è ceangailt’ oirne meas sonruichte thoirt do na briathraibh sin do bhri’ gu do labhair Dia fein iad? F. Ata; oir far am bheil beul aig Dia gu labhairt, bu choir dhuinne cluas a bhi aguinn chum eisteachd, uime sin, bitheamaid curamach a thoirt eisteachd, d’ a lagh sin, mar a b’ aill leinne gu ’n d’ thugadh Dia eisteachd d’ ar ’n urnaighe ne. [TD 221] C. Creud an cumhachd ata san argumaint sin is mise ar Tighearna sa, chum ar tarruing gu umhlachd? F. Ata i cialluchadh gur eisean JEHOBHAH, an Dia bioth-bhuan, * gun a thaic re ni no neach, uil’ fhoghainteach ann fein, neo’-chaochlach, ar cruthai’ fhear uile chumhachdach, agus ar ’n ard uachdaran, aig am bheil bith ann agus uaithe fein, agus ata toirt bith do gach uile nith; agus uime sin ata gach umhlachd dligheach dh’ a uainne a chreatuiribh agus a chuid iochdaran. C. Creud an eifeachd ata san argumaint sin, is mise do Dhia sa? F. Ata i cialluchadh gu do roghnuigh sinn Dia mar ar Dia fein; agus gu ’n do ghabh è ruinne mar a luchd muintir, gu ’n do fhreasdail è iomad trocair shonruichte dhuinne, agus uime sin, bu choir d’ ar daimh coi’-cheangal ris uil’ àitheanta a dheanamh milis dhuinne, agus ar ceangal gu daingean ann umhlachd dhoibh. C. Nach’ eil an gealladh sin do na creidmhich, bithidh mise a’ m’ Dhia dhuibh, a’ gabhail a steach ann, sochairean a’ s mo, na ta ann aon ghealladh eile ’ta ann coi’-cheangal nan gràs? F. Ata; oir ata ann san ghealladh so, cha’ n e ’mhain, bheir mise maithenas cionta dhuibh, bheir mi rioghachd neamh dhuibh; ach bheir mi mi fein dhuibh an Diadhachd uile, JEHOBHAH. Gach uile ni ata mi, agus gach ni ata agam, agus gach ni as urradh mi dheanamh is leibhse iad, cha bhi mi ’mhain a’ m’ chairid, a’ m’ Athair a’ m’ fhear posda dhuibh, ach bithidh mi a’ m’ Dhia dhuibh. Is leibhse buaidhean na Diadhachd d’ ar deanamh sona, seadh fos is leibhse gach pearsa do ’n trionaid ghlòrmhor, a dhealbh, a chuir air a h aghaidh, agus a chriochnachadh obair ar slainte. * neo-chrochta. [TD 222] C. Cionnas a gheabh sinn coir agus sealbh air Dia mar ar Dia fein? F. ’S eigin dhuinn gabhail ris an Tighearn’ Josa Criost, agus creidsin ann le ’r ’n uile chridhe mar ar ’n eider-mheadhoin-fhear a thug dioladh le bhàs air son na h uile chreideas ann, agus a chosain sith reite re Dia, agus daimh coi’-cheangail ris mar an Dia fein. C. Ciod an neart ata san argumaint’ sin, Thug mise thu ’mach a ’s talamh na h Eiphte, chum sinne tharruing gu umhlachd, nach roibh riamh ann san Eiphte? F. Ge nach roibh sinn ann san Eiphte thalmhaidh, gidheadh ata sinn uil’ ann san Eiphte spioradil, faoi thraillealachd do ’n aidhbhearsoir, agus d’ ar ’n ain-miannaibh fein; agus bha saor ’s aimseireil clann Israel o ’n Eiphte ’n a samhlugh air ar saorsa spioradail o thraillealachd an diabhoil; mar so ’ta cheart neart ann sa chuladh bhrosduiche dhuine bha innte do na h Judhaich. C. C’ ar son a bha saorsa cloinn Israel o ’n Eiphte air a gnathacha’ co tric mar argumaint chum an tarruing gu umhlachd? F. Do bhri’ gu roibh an Eiphte lan do Jodhol-adhradh graineil, plaigh leis an roibh iadfan an cunntart bhi air an † sorbadh; agus bha iadsan ann san ionad sin ag osnuich faoi thraillealach ain-iochdmhor, o ’n do shaor Dia iad air doidh roi’-miorbhuileach. C. C’ ar son bu choir dhuinn a meas na trocair co mhor bhi air ar teasairgin o ionadaibh ata lan do Jodhol-adhraidh? F. Do bhri’ gur peacadh milteach è, ata ag tarruing corruich mhòr air daoinibh: Agus uime sin, bu choir do ’n trocair a thaisbeanadh d’ ar sinnsir ann ’n an saoradh o ’n Eiphte spioradail, eadhon, Jodhol adhradh na Roimh, ar tarruing † truailleadh. [TD 223] chum umhlachd do Dhia, amhail as mar rinn teasairgin sluagh Israel an sliòchdsan. C. Nach ’eil ceangail as treise air an droing sin ata air an saoradh le Criost, o thraillealachd an diabhoil agus an ain mianna fein, gu umhlachd a thoirt d’ a’ àitheantaibh sin? F. Ata, Luc. 1. 17. C. Nach i traillealachd an diabhuil a’s measa air bith? F. Is i, oir ata traillibh eil’ ag osnaich faoi ’n traillealachd, agus is fada leo gus am fuigh iad fuasgladh, ach ata traillibh an diabhoil lan thoilichte le ’n staid, ata Ain-Tighearna eile ag riaghluch’ amhain air cuirp an traillibh, ach ata ’n diabhoil a’ riaghluchadh air an anamaibh, agus air an uile bhuaidhean. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinne ma ’ta sinn air ar saoradh le Criost o ’n traillealachd so? F. Bithidh è ’n a chomhartha maith air a so, ma bhios am fear saoradh priseil ann ar suilibh-ne, gu sonruichte ann a oifig rioghail, agus ma mhothaicheas sinn cumhachd a pheacaidh air a lughdacha’ ann taobh stigh dh’ inn, air achd is nach ’eil an uchd namhad so ag deanamh gairdeachas tharuinn. Ceist XLV. Ciod i an cheud àithne? F. Is i an cheud àithne, Na biodh Dee eil’ agad a m’ fhiadhnaise. Ceist XLVI. Creud ata air iarruidh san cheud àithne? F. Ata an cheud àithne ag iarruidh oirne, aithneacha, agus aidmheil, gur è Dia amhain an fior Dhia, agus gur h è ar Diane è, agus sinne adhradh agus gloir do thabhairt dh’ a da reir sin. [TD 224] C. C’ ar son ata so, agus a chuid eile do na h áitheantaibh do ghna’, ag labhairt ann san aireamh aon-fhilte THUSA, agus cha ’n è SIBHSE? F. Do bhri’ gu b’ aill le Dia gu’ n d’ thugadh gach duine fai-leith an aire do na comhairlibh ata ann ’ta co shonruichte as ge do labhradh ris fein air ainm iad. C. Cionnas a deirir gu bheil a cheud áithn’ ag iarruidh nithe oirne, ’n tra’ nach ’eil i thaobh coslais ach a’ toirmeasg amhain? F. Do bhri’ gu bheil è mar riaghail chum na h àitheanta a thuigisin gu ceart, ’n uair ata peacadh air a thoirmeasg gu ’m bheil an dleasdanas ata ’na aghaidh sin air àithne; agus ’n uair ata dleasdanas air àithne, gu ’m bheil am peacadh ata na aghaidh sin air a thoirmeasg, agus san mar so a chi sin an sgriobtur ag soilleireachadh an lagh, Mat. 5. 21. 24. Eph. 4. 28. Isa. 58. 13. Mat. 15. 4. 5. 6. C. Cia lion dleasdanas ata cheud àithne ’g iarruidh gu h airid? F. Ceitheir; 1. Eòlas a bhi aguinn air Dia, 2. Dia aidmheil, 3. Adhradh thoirt do Dia, 4. Dia a ghloruchadh. C. Am bheil Dia ag àithne dhuinn’ gu sonruichte eólas a ghabhail air fein? F. Ata, 1 Chron. 28. 9 “Agus thusa mo mhac Solamh gabh, eòlas air Dia t Atharsa.” C. Nach ’eil è ro chunntartach ar beatha a chaitheamh gun eólas air Dia? F. Ata; Jer. 10. 25. “Doirt amach do chorruich air na cinnich aig nach ’eil eòlas ort-sa.” C. Nach ’eil ain-eólas air Dia n’ as mo cunntart do ’n dream aig am bheil an solus agus ata mealtain meadhona nan grás na do chach eile? F. Ata do bhri’ gu m’ bheil iad gu n leith-sgeul air bith. C. Am bheil è leoir fhoghainteach fios a bhi aguinn gu bheil Dia ann? [TD 225] F. Cha ’n ’eil; oir ’s eigin dhuinn mar an ceadna fios a bhi aguinn’ creud é Dia, agus creud iad oibridh. C. Creud iad na nithe do thaobh Dhe a’s eigin dhuinn aithneach? F. ’S eigin dhuinn dicheall a dheanamh air eòlas fhaghail air Dia, 1. Ann aonachd a naduir. 2. Ann an trionad a phearsaibh. 3. Ann an iomlanachd a bhuaidhibh. 4. Ann a oibribh cruthaich, freasdail, agus saorsa. C. Ciod a ghne eòlais air Dia a’s eigin dhuinn iarruidh? F. Cha ’n ’eil eòlas cinn air Dia foghainteach; agus cha ’n ’eil eòlas iomlan air sin ann ar comas: Ach ’s e an t eòlas sin air Dia ata air a dhearbha le deagh ghniomhartha, ata maothachadh an anama, a dh’ irioslaicheas, agus a dh’ atharraicheas sinn, bu chior dhuinn iarruidh agus saothrachadh chum righeachd air. C. Os barr air eòlas a ghabhail air Dia, am bheil é fiachaicht’ oirne mar an ceadna Dia aidmheil? F. Ata; Deut. 26. 17. “Dh’ aidmhich thusa air an la an diugh, gur h è an Tighearna do Dhia sa.” C. Ciod é bu choir dhuinn aidmheil mu thimchioll Dhe? F. Bu choir dhuinn aidmheil gur eisean amhain an Dia beo, fior; gur è cusboir gach adhraidh Diadhaidh, bu choir dhuinn aid icheadh; gur eisean cruthai’-fhear, agus riaghlui’ fhear an t saoghail, bu choir dhuinn earbsa dheanamh a’s ann sgach aon ni; aidmhicheadh mar ar reachd-thabhartaidh, agus ar breitheamh d’ am bheil sinn freagarach air son gach ceim d’ ar gluasachd. C. Am bheil é leoir-fhoghainteach dhuinn aidicheadh gur é Dia am fior Dhia? F. Cha ’n ’eil, mar aidmhich sin é, agus mar gabh sinn ris mar ar Dia-ne, agus mar toir sinn umhlachd dh’a d’ ar reir sin. [TD 226] C. Ciod ata air a chiallachadh le bhi ’g aidmheil Dhia mar ata Dia-ne? F. 1. Ata è cialluchadh gu ’m bheil sinn a’ cuir cul ris gach Jodhol leis am b’aill bhi’ ’n co choimeas ris sin. 2. Gu bheil sinn ag roghnuchadh Dhia mar ar cuibh-roin agus ar ’n ard shonas, agus an Dia d’an toir sinn umhlachd agus a thoilicheas sinn oiscionn gach ni saoghalt’ air bhith. 3. Gu bheil sinn ’g ar coisreagadh fein dh’ a ann an coi’-cheangal g’ ar toirt fein suas do ’n Tighearna, agus g’ ar ceangeal ris. 4. Bhi ’g aidmheil Dhia agus slighe na firinn an lathair an t saoghail, an ni ris an abrar bhi ’g a aid-each ann lathair dhaoinibh, Mat. 10. 32. Eoin 12. 42. Rom. 10. 9. Eoin 4. 15. 1 Tim. 2. 10. agus 6. 12. C. Creud è an treas dleasdanas ata air iarruidh san àithne so? F. Adhradh thoirt do Dhia, Mat. 4. 10. “Bheir thu adhradh do ’n Tighearna do Dhia, agus dh’a san na aonar do ni thu seirbhis.” C. Cionnas is coir adhradh thoirt do Dhia? F. Mar aon o ’n leith stigh, agus o ’n leith ’muigh. C. C’ uin’ ata sinne toirt adhraidh do Dhia o ’n leith stigh? F. ’N uair a bhios sinn ’g a chuimhneachadh, ’g a ghradhachadh, a tòirt mòr mheas dh’ a, ’g a mhiannuchadh, a’ gabhail tlachd ann, ag toirt’ urram & onoir dh’ a, ’g a chreidsin, agus ag earbsa ris, is a cur ar dochais ann, Mal. 3. 16. Eccl. 12. 1. Deut. 6. 5. Sal. 71. 19. Mal 1. 6. Isa. 26. 4. 8. Sal. 130. 7. Sal. 37. 4. C. Cionnas ata sinn a’ toirt adhraidh do Dhia o ’n leith muigh? F. Le bhi ag deanamh urnuigh ris, agus ag toirt molaidh dh’ a, ag feitheamh air fhocal, agus a’ gabhail nan sacramainte. C. Creud é an ceathramh dleasdanas ata air iarruidh ann san àithne so? [TD 227] F. Bhi toirt gloir do Dhia. C. Am bheil eidir-dhealuch’ air bith eidear adhradh agus gloir a thoirt do Dhia? F. Ata; do bhri’ gu bheil bhi ag glorachadh Dhia r’ a ghabhail ann seagh a’s fairsingeadh na bhi ag toirt adhraidh dh’ a, thaobh gu bheil è gabhail a steach ann gach gne umhlachd d’ a reachdaibh sin, agus gu ’m buin è do gach ceim d’ ar caithe beatha, ata è mar fhiacha oirne Dia a ghloracha’ cha ’n è ’mhain ann an gniomhartha a chrabhaidh; ach mar an ceadna ann ar gnothaiche laghail saoghalta; ann an ceannach, no reic, ann ith, no òl, no ge air bith a ni sinn, bu choir dhuinn gach aon ni a dheanamh chum gloir Dhe, Sal. 50. 23. 1 Cor. 6. 20. 1 Cor. 10. 31. C. Ciod è as seagh do na briathraibh so, (do reir sin) ann san fhreagradh? F. Ata, iad a’ cialluchadh gu bu choir dhuinn adhradh & gloir a thoirt do Dhia air doidh leis an taisbean sinn da rireadh gu bheil eòlas aguinn air, agus gu bheil sinn ’g a ghabhail mar aon, mar am fior Dhia, agus ar Dia-ne. C. C’ ar son ata bhi ag toirt adhraidh agus gloir do Dhia air an ceangal r’ a cheile. F. A theagasg dhuinn, nach choir dhuinn amhain adhradh thoirt do Dhia air mhodh crabhach, ach mar an ceadna gluasachd gu faiceallach, agus ar beatha a chaitheamh ann an naomhachd. C. Ciod é ma bhitheas duine toirt adhraidh do Dhia, ach gidheadh a’ buanachadh ann slighe a pheacaidh? F. Cha ’n fhuidh è eisteachd ’n a urnuigh, ach bhithidh è mar ghrain’ eilachd do ’n Tighearna, Sal. 66. 18. Sean. 28. 9. C. Co é an neach a ghabhas Dia r’ a urnuigh gu taitneach? F. Ann duin’ ata curamach ’n a ghluasachd agus coguiseach ’n a uile shlighe, Eoin 9. 31. “Ach ata fhios aguin nach eisd Dia re peacachaibh: [TD 228] Ach ma ta neach air bith a toirt adhraidh do Dhia, agus a deanamh a thoile, risean eisdidh è.” C. Am feadar a radh gu bheil sinn a’ ghlòruchadh Dhia, ar an doidh air am bheil eisean g’ ar glorach-ne? F. Cha ’n fheadar; oir ata sinne a’ glòrucha Dhe air doigh labhradh amhain, ach ata Dia a’ glorachadh dhaoin’ air doidh ghniomhach, ata sinne ’mhain a foillsicheadh gloir Dhe, ach ata eisean ’g ar deanamh-ne glormhor. C. Cionnas ata sinne gu ghloir Dhe fhoillsicheadh? F. Le bhi ag nochda’ oirdhearcachd & a bhuaidhibh glòrmhor, agus ag toirt onoir dh’ a mar aon le ’r billibh agus le ’r beatha. Faic tuilleadh dh’ e so air a cheud cheist. Ceist XLVII. Creud ata air a thoirmeasg san cheud àithne? F. Ata an cheud àithne ag toirmeasg, an Dia fior do sheanadh, no an t adhradh, agus an ghloir a dhlighear dh’ a fan do leiginn tharruin, no an tabhairt d’ aon neach eile. C. Creud iad na peacaidh sonruichte ata air an toirmeasg ann so? F. Ata cuig air an ainmeachadh ann san fhreagra, 1. Bhi ag seanadh an fhior Dhia. 2. Gun bhi a’ toirt adhraidh dh’ a. 3. Gun bhi toirt gloir dh’ a. 4. Bhi toirt an adhraidh a’s dligheach dh’a san do neach eile. 5. Bhi toirt a ghloir sin do neach eile. C. Co iad ata ciontach san pheacadh so, an Dia fior a sheanadh? F. 1. Luchd Dia aich-sheun, ata ag seanadh bith Dhe. 2. Di-chreidmhich, ata ag seanadh [TD 229] firinn nan sgriobtur naomha, agus nach ’eil a’ toirt creideas do na bheil Dia ag labhairt ann-ta. 3. Iadsan ata ag seanadh fior Dhiadhachd a Mhic, no ’n Spioraid naomh, no ag cuir ann aghaidh teagasg na trionaid; mar ata na h Arianaich, na Socinianaich, no crith-chreidmhich agus cuid eile. 4. Iadsan ata ag seanadh freasdal De ann riaghluchadh an t saoghail, agus ata ag toirt cliu na nithe ’ta tarladh do ni air bith eile. C. Cia lion gne do luchd Dia aich-sheun ata ann? F. Tri, eadhon, 1. Luchd Dia sheunadh am barail. 2. Luchd Dia sheunadh thaobh fònn cridhe. 3. Luchd Dia sheunadh ann nan caithe beatha. C. Co iad sin ata nan luchd Dia aich-sheun ann am bar’ail? F. Iadsan aig’ am bheil è mar aidmheil nach ’eil Dia ann. Rinn cuid eigin so, agus chuireadh gu bàs air a shon iad. Ach ata solus naduir agus aontachadh gach duthaich air thalamh ag dearbha na firinn so mu bhith Dhe, air achd is nach ’eil è furas a chreidsin, cionnas a dh’ fheadas neach air bith Dia a sheunadh ann am bar’ail, no neach a fhuair am breanuchadh sin air Dia ata thaobh nadurra air cridhe an duine chuir a’s gu tur. C. Am bheil luchd Dia sheunadh ann ifrinn? F. Is peacàdh so nach fhead bhi san àite sin, oir cha ’n ’eil diabhol air bith ciontach ann, Seum. 2. 19. C. Nach ’eil Dia sheanadh na pheacadh oilteil? F. Ata; oir is dorus fosgailte do gach neo’-dhiadhachd agus aingidheachd è, agus ata è cur as do dheadh riaghail feadh an t saoghail; oir air an doidh so dh’ fheadadh daoine Mealtaireachd, Gaduidheachd, Reubainn, Murtadh, agus na nithe is graineileadh a dheanamh, & gidheadh bhi saor do pheacadh, no aobhar eagal ann diaidh laimh. [TD 230] C. Co iad ata nan luchd Dia aich-sheun thaobh fònn cridhe? F. Iadsan leis am bu mhaith nach bithidh Dia ann, agus ’s e so run cridhe gach duin’ aingidh, Sal. 14. 1. C. C’ ar son bu mhiann le daoin’ aingidh nach bithidh Dia ann? F. Chum ’s gu ’m bithidh iad saor o gach grabadh ’ta cur bacadh air an toil-inntin pheacach. C. Co iad ata nan luchd Dia aich-sheun na n caithe beatha? F. Na h uile ata gluasachd mar nach bithidh Dia ann, Tit. 1. 16. “Ataid a’ gabhail orra eòlas a bhi aca air Dia; ach ann oibribh ’ta siad ’g a aich-sheuna.” C. Nach ’eil moran do luchd Dia aich-shean thaoibh gniomhartha san t saoghal? F. Ata. C. Co iad a dh’ fheadar a mheas mar so? F. 1. Iadsan ata dearmad adhradh Dhe. 2. An droing ata caithe am beatha ann cealgoireachd. 3. Iadsan ata toirt fois do pheacadh diomhair. 4 Iadsan ata re fochaid air na sgriobtuir naomh, agus air daoine naomh. 5. Iadsan nach ’eil ag smuainteacha air bàs, no air breitheanas. 6. Iadsan ata socruchadh an cridheachan gu leir air an t saoghal, no air nithe feolmhor. C. Creud è an dara peacadh ata air ainmeachadh ann san fhreagra’? F. Gun bhi toirt adhraidh do Dhia. C. Co iad ata ciontach san pheacadh so, gun bhi toirt adhraidh do Dhia? F. Iadsan nach ’eil ag smuainteach air Dia, aig nach ’eil meas dh’ e, no gradh dh’ a, nach ’eil a creidsin ann, no toirt onoir dh’ a, iadsan air nach ’eil eagalsan agus nach ’eil g an irioslachadh fein ann a lathair, nach ’eil a’ feitheamh air meadhona nan gràs, nach ’eil a deanamh urnaigh re Dia, [TD 231] no a’ toirt molaidh dh’ a ann an coi’-thionalaibh a phobuill, no nan Teaghlachaibh, na ann diomhaireachd. C. Creud é an treas peacadh ata air a thoirmeasg san àithne so? F. Gun bhi toirt gloir do Dhia. C. Co iad ata ciontach san pheacadh so? F. Iadsan ata dearmad eòlas a ghabhail air Dia, agus ata caitheamh am beath ann ain-eòlas air sin. 2. Iadsan ata dio’-chuimhneach’ Dhe, no leis am fuathach bhi smuainteach air. 3. Iadsan nach ’eil a toirt cliu no moladh do Dhia, agus ata mio-thaingeal dh’a. 4. Iadsan ata ag miannuchadh nan creatuire, agus a’ gabhail tuille tlachd ann an nithe feolmhor na ann Dia. 5. Na h uile ata mi-naomha, agus mi-dhiadaidh nam beatha agus nan coluadar. C. Creud è an ceathramh peacadh ata air a thoirmeasg san àithne so? F. Iodhol-adhradh, no bhi toirt an adhraidh sin do neach eile ’ta dligheach do Dhia amhain. C. Cia lion gne Iodhol-adhraidh ata ann? F. Da ghne, 1. Iodhol-adhradh ’ta o ’n leith mach, agus follasach. 2. Iodhol-adhradh diomhair nach ’eil co-fhollasach. C. Co ata ciontach ann san Iodhol-adhradh fhollasach o ’n leith ’mach? F. 1. Na Paganaich, ata ag toirt adhraidh d’ an dee Iodhol, do dheamhnaibh, agus do ghaisgich d’ an d’ rinn iad dee, do ’n ghrein, do ’n gheallaich, do na realta, do iomad gne fhiadh-bheistibh, &c. 2. Na Papanaich, ata ag toirt adhraidh do iomad ni air neamh, agus air thalamh, d’ am bheil iad a’ toirt adhraidh crabhach. C. Creud iad na dee sin air neamh d’ am bheil na Papanaich a’ deanamh adhraidh? F. Ata iad a’ toirt adhraidh do ainglibh, do ’n oighe Muire, agus do naoimh ann diaidh am bàis [TD 232] C. Co iad na dee ’eil air thalamh d’ am bheil iad a’ toirt adhraidh? F. Ata iad ag roirt adhraidh do ’n Phapa, do ’n aran ann an suipeir an Tighearna, do dhealbh a’ chroinn cheusaidh, do iomhaighibh, agus do chuimhneachain air na naoimh. C. Creud an co’-duchadh ’ta aguinn gu bheil na Papanaich a’ toirt adhradh crabhach do na nithe sin? F. Ata so soilleir o ’n gnathacha’, agus o ’n leabhraichean, oir ata iad ag togbhail eaglaise, agus altaire, agus ag ordughadh laithe feile a chuir onoir orra, ataid ag lubadh an glun ann urnaigh riu, ag losgadh tùis agus a’ bòideacha’ dhoibh, ataid ag iarruidh sochaire uatha; agus a’ cur an dochais agus an earbsa annta; mar eisempleir ataid a’ toirt adhradh do ’n chrann cheusaidh, ag radh, “O chroinn cheusaidh naomh, ar dochas agus ar ’n earbsa ne ’mhain, meudaich do na naoimh am fireantachd; agus tabhair gràs agus maitheanas cionta do na peacaich.” C. Ach c’ ar son nach fhead sin adhradh thoirt do ainglibh agus do naoimh? F. Is Iodhol-adhradh bhi ag toirt adhraidh do chreatuir air bith, oir ’n uair ata daoin’ag deanamh urnaigh riu, ataid a’ toirt an onoir dhoibh, agus ag luadh ’n am buaidhibh riu a bhuineas do Dhia, mar ata uile chumhachd agus uile-leirsineachd. Agus ata Dia ag toirmeasg so, mar ni ata ag toirt a ghloir sin do neach eile, agus ag innseadh dhuinn, nach ’eil fios aig na naoimh air neamh air ar ’n uir-eusbhuidh-ne; mar dhearbha air so, Faic Mat. 4. 10. Gniomh. 10. 25. 26. Tais. 19. 10. Isa. 42. 8. Isa. 63. 18. Agus ma ’s Iodhol-adhradh, bhi toirt seirbheis do na naoimh air neamh, is mo gu mòr bhi toirt adhraidh do chnamhan, do fhiacla, no do * iarsma nan naoimh air thalamh, mar ata na Papanaich a’ deanamh. A sheachna’ a leithid so, * cuimhneachan. [TD 233] dh’ adhlaic Dia corp Mhaois gu diomhair, chum ’s nach d’ thugadh neach air bith adhradh dh’ a. C. Nach ’eil Iodhol-adhradh ann, ata n’ is diomhaire agus neo’-fhollasach, ann sam bheil dream eile ciontach thuilleadh air Paganaich, agus Papanaich? F. Ata; oir ’ta gach duine feolmhor neo’-iompoichte ciontach ann, le bhi cur a chreatuir ann àit a chruthai-fhir, a’ toirt graidh dh’ a, agus a deanamh earbs’ as, n’ is mo na a Dia, oir ge air bith as mo gheibh d’ ar gradh, no d’ ar ’n earbsa, no d’ ar ’n eagal, no d’ ar smuainteadh, no d’ ar ’n uin agus d’ ar seirbheis, ’s e sin da rireadh ar Dia ne, do bhri’ gu ’m bheil sinn ’g a chuir ann àite Dhe, agus a toirt na h onoir agus a ghloir do ’n ni, no neach sin as dligheach do Dhia amhain. C. Creud iad na nithe sin ata daoine gu coitchinn a’ cur suas ann àite Dhe? F. Is i fein speis an t Iodhol mòr d’ am bheil daoine gu coitchinn ag toirt geill, le bhi ’g an iarruidh fein ann ’s gach ni ataid a’ deanamh; agus ata an t iodhol so ’g a nochdadh fein air iomad doigh, mar ata fein-tairbh, fein-ghliocas, fein-cheartas, fein-chomas, fein-chreideas, agus fein-chliu. 2. ’S e an saoghal an Dia talmhaidh d’ am bheil daoine saoghalt ag toirt geill; uime sin deirir luchd Iodhol adhraidh re daoine sanntach, agus Iodhol-adhradh re sannt. 3. ’S i ann broinn Dia na meisg-fheara agus nan geòcach, Phil. 3. 19. 4. Ata mòran ag deanamh dee d’ an cloinn, agus d’ an luchd daimh. 5. Ata cuid eile cur daoine mòr, agus uachdarain ann àite Dhe, le bhi ’g earbsa a gairdein feola, no toirt Tighearnas dhoibh air an creidimh, no air an coguis. 6. Deirir Dia an t saoghail ris an diabhol, 2 Cor. 4. 4. Uaithe so, chi sinn cia truadh ata Iodhol-adhradh ag buanachadh ’measg mòran ata ’g aidmheil a chreidimh aith-leasuichte fein, agus a chuir cul ris a Phapanachd. [TD 234] C. C’ ar son a deirir Dia an t saoghal ris am diabhol? F. Do bhri’ gu bheil a chuid as mo do shluagh an t saoghal ’g a chuir an àit’ an fhior Dhia. 1. Ata sinn ag leaghadh agus a cluinntin, air mòran do no h Indianaich gu ’m bheil iad ag toirt adhraidh follasach dh’ a, agus gu bheil è ’ga thaisbein fein ann an cruth corporra dhoibh: Os barr, san le bhuaireadh ’ta ’n saoghal mi-chreidmheach ag ruidh chum gach gne aingidheachd. 2. Cia mòr an t adhradh an t urram agus an t seirbhis ata è faghail a’ measg luchd aidmheil a chreidimh chriostaidh, le buitsichibh ata ’g an ceangal fein ris an diabhol, agus ’g an toirt suas dh’ a; leosan mar an ceadna, ’ta cur an comhairle re buitsichibh, agus re draoidhibh, agus leosan ata denamh feum do ghiseagan, agus do dhraoidheachd; leosan ata ’n an caint choitcheann a’ guidheadh air an diabhol iad fein no daoin’ eile thoirt leis, agus leis an dream ata ’g eisteachd re buaireadh an diabhol n’ is mo na re comhairle Dhe. C. Creud e an cuigeadh peacadh ’ta air a thoirmeasg san cheud àithne? F. A ghloir ata dligheach do Dhia a thabhairt do neach air bith eile. C. Co iad ata ciontach ann sa pheacadh so? F. Cha ’n iadsan amhain mar chuala sibh, ata toirt adhraidh crabhach do chreatuiribh ata ciontach ann; ach mar an ceadna, ’ta ’m peacadh so bhi toirt gloir Dhe do chach eile, r’ a agairt orra-san ata ag toirt cliu na nithe ’ta tachairt, cha ’n ann do fhreasdal De, ach do thapog ceanmhuin, no do dhara aobhara’ mhain, agus air an dream ata toirt cliu aon ni maith ataid ag faghail, agus an soirbheachadh nan gnothaichibh dhoibh fein, agus d’ an treabhantas, do chreatuiribh, no d’ am fortan agus mar an ceadna orra-san aig am bheil meas an barrach air pearsaibh dhaoine. 1 Sam 6. 9. [TD 235] Deut. 8. 17. Dan 4. 30. Hab. 1. 16. Gniomh. 12. 22. 23. Jude 16. Ceist XLVIII. Creud ata air a theagasg dhuinne gu sonruichte ann ’s na briathraibh so san cheud ’áithne, (am fhiadhnaise)? F. Ata na briathraibh so san cheud àithne (am fhiadhnaise) ag teagasg dhuinne, gu bheil Dhia do chi na h uile nithe ag tabhairt aire do ’n pheacadh so, eadhon Dia air bith eile do bhi aguinn, agus gu bheil se roi dhiom-bhui’-eachd dheth. C. Creud an argumaint ata san áithne fo g ’ar grahadh, agus ’g ar conbhail o iodhol-adhradh? F. Bhi smuainteach’ air uile leirsineachd Dhe, gu bheil am peacadh air a dheanamh ’n a lathair sin, aig am bheil fuath agus grain ro mhòr dh’eth. C. Cionnas ata è soilleir gu bheil Dia ag faicsin gach aon ni? F. Do bhri’ gu ’m bheil è uile-lathaireach, agus neo’chriochnach ann eòlas, Sal. 139. 7. 8. &c. Jer. 23. 24. Sal. 147. 5. C. Creud iad na nithe ata Dia a’ leirsin? F. Is leir dha gach ni chuaidh seachad, gach ni ’ta lathair gach ni ’ta re teachd, agus gach aon ni a dh’ fheadas bith: ’S leir dha uile chreatuireadh le ’n uile smuainteadh, an uile bhriathra, agus an uile ghniomhartha. C. Am bheil Dia ag toirt fainear do iodhol-adhradh gu sonruighte thar peacaidh eile? F. Ata. C. Cionnas ata sin air a nochdadh? F. Le coi’-lion chomhartha d’ a dhiom is ata Dia ag taisbean ’n a aghaidh, mar aon ann am bagraibh, agus ann smachduchadh air a shon, Deut. 29. 24. 25. &c. [TD 236] C. C’ ar son ata Dia co diom-bui’-each do iodhol-adhradh? F. Do bhri’ nach fead an Dia ’ta eudmhor ma ghloir fein, gun a ghabhail mar eas-onoir mhòr, bhi ag faicsin neach eil’ air a chur suas ’n a ionad-san, agus air a righ-chaithir, agus so uile ’n a lathair agus na shealladh fein C. Nach ’eil mòran tarcuis ’g a dheanamh air buaidh uile-leirsineachd Dhe ann san t saoghal? F. Ata; gu sonruichte, le iodhol-adhradh, le cealgoireachd, agus peacaidh diomhair. C. Nach bu choir dhuinn feum a dheanamh do uile-leirsineachd Dhe, chum gach aon pheacadh sheachnadh? F. Bu choir. Ceist XLIX.. Creud i an dara h áithne? F. Is i an dara h àithne, Na dean dhuit fein dealbh snoighte, no cosamhlachd ni air bith ata shuas air neamh, no bhos air thalamh, no sna h uisgibh faoi thalamh, na geill-se dhoibh agus na dean seirbhis dhoibh, oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor me, a leanas aingidheachd nan aithreacha air an cloinn, gu ’n uig an treas no ’n ceathramh ginealach, air an droing a dh’ fhuathaicheas me, agus ag foillseachadh trocair do mhiltibh, do ’n droing a ghradhaicheas me, agus a choimhdeas m’ áitheanta? Ceist L. Creud ata air iarruidh san dara h áithne? F. Ata an dara h àithne ’g iarruidh gach uile ghne adhraidh, agus orduighe diadhaidh a dh’ iarr Dia ann a fhocal, do gabh- [TD 237] ail chugain, do chonbhail, agus do choimhead gu glan iomlan. C. An ionann do ’n adhradh ta air áithne; agus do ’n iodhol-adhradh ’ta air a thoirmeasg ann san dara h áithne, is ata ann sa cheud áithne? F. Cha ’n ionann; oir ata cheud àithne g’ ar seoladh chum cusboir ceart ann ar ’n adhradh; ach ata an dara h àithne g’ ar stiuradh chum sligh agus meadhona ceart ann ar ’n adhradh; ata cheud àithn’ ag toirmeasg adhradh thoirt do dhee breige, agus an dara h àithne a’ toirmeasg adhradh thoirt do ’n fhior Dhia air doidh bhreige, no le meadhonaibh nach d’ orduigh è fein. C. An d’ orduigh Dia an t adhradh crabhach sin uile, agus na meadhona is na riaghulta sin uile, leis an aill leis amhain, adhradh agus seirbhis fhagail? F. Dh’ orduich. C. C’ àit’ am bheil iad sin againn? F. Ann a fhocal fein. C. Creud iad na meadhona agus na h ordunnansaidh adhraidh chraibhaich ata air an orduchadh dhuinne? F. 1. Urnaigh fhollasach, dhiomhair, agus uaigneach, Luc. 1. 10. Jer. 10. 25. Mat. 6. 6. 2- Bhi toirt buidheachas, agus ag seinn salmaibh, Eph. 5. 20. Is. 52. 8. Seam. 5. 13. 3. Bhi ag leaghadh, a searmonachadh, agus ag eisteachd an fhocal, Gniomh. 5. 21. 2 Tim. 4. 2. Gniomh. 10. 33. 4. Bhi ag frithealadh, agus a’ gabhail sacramainte a bhaiste agus suipeir an Tighearna, Mat. 28. 19. 1 Cor. 11. 23. 24. 5. Bhi re trosgadh, Luc. 5. 35. 6. Bhi re mionnachadh air ainm an Tighearna ’n uair a ghairmear gu laghail chuige sinn, Deut. 6. 13. 7. Bhi ag boideachadh do ’n Tighearna, Sal. 76. 11. 8. Bhi ag teagasg cloinne agus shearbhanta, Gin. 10. 18. &c. [TD 238] C. Creud ata Dia ag iarruidh oirne thaobh nan riaghailtaibh sin uile? F. Gu gabhamaid riu, gu ’n d’ thugamaid fainear dhoibh, agus gu coimhideamaid iad gu glan iomlan. C. Ciod é sin, bhi ’g an gabhail, agus ’g an toirt fainear? F. Meas mòr a bhi againn dhiubh, feathamh orra, agus buanachadh gu * neo’-chorach nan gnathachadh. C. Creud è bhi ag coimhead nan riaghailtibh sin gu glan iomlan? F. Bhi toirt gach oirp’ as fearr ata ’n ar comas chum an coimhid saor o gach measgadh truailleadh do innleachdaibh dhaoine chum ’s nach bithidh ni air bith air a chur riu, no air a thoirt uapadh. Ceist LI. Creud ata ’n dara h àithne ag toirmeasg? F. Ata an dara h àithne ag toirmeasg, adhradh do Dhia trid iomhaighean, no air mhodh air bith eile, nach ’eil orduicht’ ann a fhocal fein. C. Creud é am peacadh sonruichte ’ta air a thoirmeasg ann san àithne so? F. Iodhol-adhradh; no bhi toirt adhraidh do ’n fhior Dhia trid iomhaighean. C. Creud ata thu cialluchadh le iomhaigh? F. Dealbh, cruitheachd, no cosamhlachd creatuir air bith, ata àir neamh, no air thalamh, no ann san fhairge. C. C’ uin’ a bhios duine ciontach ann adhradh thoirt do Dhia trid iomhaighean? F. ’N uair a bhitheas è a’ dealbh iomhaigh, no cosamhlachd corporra air bith, agus ’g a cur suas * daingeon [TD 239] ’n a lathair ann an adhradh; mar ata na Papanaich ag deanamh ata cur a mach Dhia an t Athair faoi chosamhlachd sein duine, agus Josa Criost faoi chosamhlachd oganaich na uain, agus an Spiorad Naomh faoi chosamlachd colmain; ni ata gu soilleir “na chaochladh air gloir Dhe, gu cosamhlachd dhuine thruaillidh, agus eanlaithe, agus ainmhighidh ceithir chosach:” Ata ’n t abstol ’g a dhiteadh so, Rom. 1. 23. Agus ata neach ciontach ann so, ’n uair ata breunachadh, no cosamhlachd feolmhor mu Dhia ’n a inntin ann àm adhraidh dh’ a, mar gu ’m bithidh è cosmhuil re duine, no creatuir air bith eile. C. Nach fead iomhaigh no dealbh, chum amharc air ann àm urnaigh ar cuideachadh ann ar crabhadh mar a deir na Papanaich? F. Cha ’n fhead; ach ’na àite sin ata e na bhacadh mòr ann. C. Cionnas ata é ’n a bhacadh ann ar ’n adhradh? F. Do bhri’ gu bheil è ’g altrom smuainteadh suarach agus feolmhor mu Dhia, neach ata na spiorad glormhor, agus gu neo’-chriochnach air arduchadh ois-cionn gach aon ni faicsineach agus talmhaidh. Ata è na eas-onoir agus na dhi-meas co mhòr air mordhachd an De bheo, bhi ’g a chuir a mach faoi chosamhlachd marbh iomhaidh creatuir air bhith; is ge do chuireamaid an Righ amach faoi chosamhlachd losgain. C. Ach nach fead sinn an leithid sin do dhealbhaibh air Dia, no air Pearsaibh na Trionaid a bhi aguinn ’n ar fochair, ge nach toir sinn adhradh dhoibh? F. Cha ’n fhead, oir is grainealachd so, ata Dia a’ toirmeasg gu teann, Deut. 4. 15. 16. “Thugaibh fainear gu maith dhuibh fein, [oir cha ’n fhaca sibh cosamhlachd gne air bith air an la ann do labhair an Tighearna ruibh ann Horeb amach as builsgean an teine] air eagal [TD 240] gu ’n truaill sibh sibh fein, agus gu dean sibh iomhaidh shnoighte cosamhlachd dealbh air bith.” &c. Agus o ’s barr, cha ’n fheadar air doigh air bhith dealbh a dheanamh air sin ata neo’-chriochnach, spioradail, agus neo’-fhaicsineach; agus uime sin, ata ’s è gu tric ag cur ceist, mar ata i ann Isa. 40. 18. 25. agus 46. 5. “Cia ris a chosamhluicheas sibh Dia?” gu deimhin cha ’n ’eil cruitheachd creatuir air bhith, marbh iomhaidh air bith a dh’ fheadas bhi nan cosamhlachd iomchuidh air an Dia bheo. C. Nach fhead sinn dealbh air Josa Criost a bhi aguinn, neach ata da reireadh na dhuine? F. Chan fhead; do bhri’ 1. Nach fheadar dealbh air bhith a dheanamh air nadurr’ a Dhiadhachd, agus se so ’ta deanamh CRIOST dheth. 2. Cha d’ thug è dealbh air bhith seachad air a chorp ’n uair a dh’ fhag è ’n saoghal, no cuntas air bith air a chruitheachd, chum ’s nach gabhadh neach air bith misneach a tharruing a dhealbh sin. 3. Mar ata a chorp a nois air a ghlòrachadh, cha ’n fhead dealbhadair air bhith cosamhlachd a dheanamh dheth, nach biodh na dhimeas ro mhòr air a phearsa glormhor sin. 4. Ma bhithis a leithid so do chosamhlachd air a deanamh chum fònn crabhach a dhusgadh, ’ta e na bhriseadh air an àithne so, ’ta ag toirmeasg gach adhradh do Dhia trid iomhaidhean. C. C’ ar son ata na Papanaich a’ fagail an dara h áithn’ mach as an † foirceadail agus an oifigibh coitcheann? F. Do bhri’ gu ’m bheil i ag diteadh an iomhaidhibh, an croinn cheusaidh, agus an gnathachadh iodhol-adhraidh air doigh shonruichte. C. An saor è na Papanaich o iodhol adhradh bhi ag radh gu ’m bheil iad amhain, a’ toirt adhraidh do Dhia, no do Chriost leo sin; ach nach ’eil iad a’ toirt adhraidh do na dealbhaibh sin iad fein? † leabhair’ ceasnuighe [TD 241] F. Cha saor; oir ata an àithne ag toirmeasg bhi ag cromadh, no lubadh sios ann nan lathair, agus nan gabhadh so leithsgeul nam Papanach, bhithidh é mar an ceadna na leithsgeul do chloinn Israel ann an adhradh do ’n laogh òir; do bhri’ gu ’n roibh è aca r’ a radh gu b’ e ’n run adhradh a thoirt do ’n Tighearna am fia’-nais an laoigh, Ecsod. 32. 4. 5. C. Am bheil peac’ air bith eile air a thoirmeasg ann san áithne so, thuilleadh air iodhol adhradh, no bhi toirt adhraidh do Dhia trid iomhaighean? F. Ata, eadhon, peacadh crabhaidh thar tomhas, no adhradh fein thoile. C. Creud ata thu cialluchadh le sin? F. Daoin’ a bhi gabhail an danadais, adhradh a thoirt do Dhia le meadhonaibh a dhealbh iad fein, agus le bhi cur innleachaibh dhaoine re orduchadh Dhe, no bhi ag toirt adhradh, agus seirbhis do Dhia, air doigh air bith eile thuilleadh air na dh’ àithn’ é fein no air an d’ thug è barrantas ann a fhocal. C. Co iad ata ciontach ann sa pheacadh so? F. Na h uile ’ta cur sacramainte nuadh ris an da shacrament’ a dh’ orduich Criost, no iadsan ata gnathachadh comhartha a chroinn cheusaidh ann am baisteadh, no bhi dol air an glunaibh aig suipeir an Tighearna, bhi ag coimhead laithe feile; thuilleadh air la an Tighearna, bhi gnathachadh nan organ ann seinn nan salmaibh, bhi ag leaghadh leabhair ann an urnaigh, no ag cur suas altaraibh, no dealbh ni air bith ann ionadaibh adhraidh, no lubadh dhoibh, no lubadh ris an aird an ear, no re ainm Josa, no an leithidibh sin Ata gach ni dhiubh sin nan * saobh-chreidimh ann adhradh Dhe, agus nan cumadoireachd dhaoine, air an cuir re orduchadh Dhe, gu ’n bharrantas air bith na fhocal fein, agus uime sin, air an toirmeasg ann san dara h àithne. * crabhadh thar tomhas [TD 242] C. Ach c’ ar son nach fead daoine glic, naomh, agus foghlomta an leithid sin do nithe chur re orduchadh Dhe chum maise chuir air adhradh sin? F. 1. Do bhri’ gu bheil è air a thoirmeasg gu soilleir (leis an Dia ata neo’-chriochnach ann gliocas, agus ann naomhachd, agus aig am bheil coir gun teagamh a dh’ orduchadh na meadhona, agus an doigh air an coir adhradh thoirt dh’ a) ni air bith a chuir ris na riaghuilte a thug e seachad m’ an chuis, Deut. 12. 30. 31. 32. 2. Ata è gu geur a’ cronachadh na nithe sin, ag radh adhradh fein thoile, agus saobh-chreidimh riu, agus ag innseadh nach roibh ach samhla gliocas annta, Col. 3. 23. Mat. 15. 9. Os barr ata è ’g amharc air mar oirp’ ann-dana bhi coimeasg na nithe sin ris sin, agus daoin’ a bhi cur an innleachdaibh fein r’ a orducha san, agus deir è re so, “Bhi cur suas an tairsneachain re taobh a thairsnich sin, agus an ursannaibh laimh r’ a ursannaibh sin.” agus ag radh gu bheil iad a’ dol air striopachas le ’n innleachdaibh, Esec. 43. 8. Sal. 106. 39. C. C’ ar son ata Dia ag cronachadh na nithe sin, ann sam bheil daoin’ ag cur rompa gloir a thoirt dh’ a san, agus maise chuir air adhradh? F. 1. Do bhri’ gu bheil è ’g a mheas na mhòr uaibhreachas daoin’ a bhi gu h ann-dana gabhail orra fein ordughadh Dhe a leasachadh, mar gu ’m bithidh iad na bu ghliceadh na eisean. 2. Ann àite bhi cuir maise air adhradh Dhe leo sin, ’s an ataid ag cur mi-dhreach air; oir ’s é an nadur simpligh agus soilleir fein, a mhais’ as mò a dh’ fheadar a chuir air adhradh De, oir le bhi tarruing dealbh air scathan, cuirthear dorchadas air, agus millidh cealtrach dearsa cloiche buaidhach. 5. ’S e beannuchadh agus lathaireachd Dhe amhain, a dh’ fheadas a riaghlaibh sin a dheanamh tarbhach dhuinne: ach cha do gheall Dia riamh a bheannuchadh air innleachdaibh dhaoin’ ach air orducha fein amhain, Mat. 28. 20. [TD 243] C. Nach roibh deas-ghnatha seaghail eagsamhail aig na h Judhaich ann an adhradh faoi ’n lagh? F. Bha; ach bha iadsin air an orducha’ le ughdarras Dhe fein, mar bha iad air an cuir air cul airis leis sin ’n tra’ thainig Criost, agus slighe adhraidh shoilleir shimpligh air a h orduchadh fuidh ’n t soisgeul. Agus cha ’n ’eil è cosmhuil air doigh air bith, gu ’n cuireadh Dia air cul na deas-ghnathaibh a dh’ orduich è fein, a reiteach na slighe do innleachdaibh dhaoine. C. Nach fead an eaglais cuid do dheas-ghnathaibh orducha air son deagh mhais agus ordu’, do reir na h-áithne sin? 1 Cor. 14. 40. F. Cha ’n ’eil an t àite sin a toirt barrantas do ’n eaglais ni nuadh air bith a chuir re adhradh Dhe, mar bhithidh deas-ghnathaibh seaghail, ach amhain a chomhid agus a thoirt fai near do na riaghailtibh a thug Dia dhuinn’, le deagh riaghail agus ordu’ gu maiseach, ann an aire thabhairt nach biodh mio-mhaise, no mio-riaghail air bith ann an adhradh Dhe, thaobh àm, no àite no an leithidibh sin, ni ata àithne Dhe ’ta ag orduchadh an adhraidh fein thaobh brigh a’ ghabhail a steach, oir as eagmhuis an leithid sin cha ’n fheadadh i bhi air a coi’-lionadh. C. Am bheil peacadh air bith eile air a thoirmeasg leis an dara àithne? F. Ata: mar ’ta bhi ’gabhail leithsgeul, a toirt speis, no ag cur air aghaidh creidimh breige, no saoibhealachd ann an adhradh; bhi ag dearmad, a’ toirt di-meas, no ag bacadh fior adhradh De, no aon d’ a riaghailtibh sin, bhi aig toirt masluigh, no ag deanamh gear leanmhuin air an dream ata ag toirt adhraidh do Dhia do reir fhocail fein. Ceist LII. Creud iad na reasoin ata ceangailte ris an dara h àithne! F. Is iad na reasoin ata ceangailte ris an [TD 244] dara h àithne, ard-uachdranachd Dhe o ’s ar cionn, an t seilbh choir ata aig ann aine, an gradh laiste agus eud ata aige do adhradh fein. C. Creud ata thu cialluchadh le riasoin a bhi ceangailte re àithne? F. Argumaint air a cur ria, chum a coimhid a sparragh oirne. C. Cia lion do na riasoinibh sin ata ceangailte ris an àithne so? F. Tri; 1. ard uchdranachd Dhe o ’s ar cionn è. 2. An t seilbh-choir ata aig’ ann-aine. 3. An t eud-ghradh ata aige d’ a adhradh fein. C. Creud ata thu cialluchadh le ard uchranachd Dhe o ’s ar cionn’ ne? F. An cumhachd, agus an t ughdarras neo’-fhuasgailte ’ta aige o ’s ar cionn, air achd a ’s gu fead è gach ni as aill leis a dheanamh ruinne. C. Co na focail do ’n áithn’ ann sam bheil an riason so aguinne? F. Ann ’s na briathra sin, MISE AN TIGHEARNA. C. Creud as seagh do na briathraibh sin? F. Gur eisean is ard Tighearna o ’s ar cionn ne, agus gu ’m bheil coir aig’ air gach reachd as aill leis a dheanamh m’ a adhradh fein agus gu bheil è mar fhiacha oirne mar iochdranaibh De an aire a thabhairt do na reachdaibh sin, agus gu ’n adhradh a thoirt dh’ a sin air doidh air bhith eile. C. Co na focail ann sam bheil an dara riason aguinn? F. Ann sna briathraibh sin, DO DHIASA Mise an Tighearna do Dhiasa. C. Creud as seagh do na briathraibh sin? F. Gu ’m bheil coir agus seilbh shonruichte aig’ Dhia annaine, buineadh sinn dh’ a thaobh cruthachaidh, saorsa, agus aidmheil, agus uime sin, bu choir dhuinn’ leantain gu teann r’ ar Dia- [TD 245] ne, agus r’ a reachdaibh sin, agus gach iodhol-adhradh, agus * saoibh-ealachd a sheachna’ ata ag tarruing ar cridheachan fada o Dhia, Sal. 106. 19. 21. C. Co na focail do ’n áithne ann sam bheil an treas riason aguinn’? F. An sna briathraibh sin, IS DIA EADMHOR ME. C. Ciod as seagh do na briathraibh sin? F. Gu bheil èud ro mhòr, gradh laiste, no caomh cho-mhothach aig Dia r ’a adhradh fein, agus gu bheil è ro dhiom-bui’-each do ’n dream ata ’g a thruailleach le bhi cur innleachda dhaoine ris, Ecsod. 34. 14. Sal. 106. 29. C. Creud iad na nithe ann sam bheil Dia ag nochdadh an gradh laiste, agus an t éud ata aige m’ a adhradh fein? F. Ann am bagradh luchd briseadh na h àithne so a smachduchadh, mar dhream ata ’g a fhuathachadh gu ’n uig ’an treas na ’n ceathramh ginealach; agus le trocair fhoillsicheadh do mhilte do ’n droing a ghradhaicheas è agus a choimhdeas a reachd san. C. Am bheil é co-thromach do Dhia a chlann a smachduchadh air son peacaidh am paraintibh? F. Ata; mu theid a chlann air an aghaidh ann am peacaidh am paraintaibh; ach ma threigeas iad am peacaidh-sin, cha ’n agair Dia air an son iad, Esec. 18. 14. 17. C. Am bheil Dia ag meas dream air bith mar a luchd graidh, ach iadsan a choimhdeas áitheanta? F. Cha ’n ’eil, Eoin 14. 21. C. Nach ’eil na riasoin so uile ’g ar ceangeal a thoirt fai near le curam nach atharraich, agus nach cuir sin dadum ris na riaghailtibh a dh’ orduich Dia na adhradh fein? F. Ata. C. Am bheil deagh bharrantas aig daoinibh dol * crabhadh thar tomhas [TD 246] faoi fhulangaisibh air son easaontachadh leis na nithe sin ata air an cur re adhradh Dhe? F. Ata; mar ’ta e soilleir o Dheut. 12. 32. agus Deut. 4. 2. “Na cuiribh ni air bhith ris an fhocal a dh’ àithn’ mise dhuibh.” Ceist LIII. Cia i an treas àithne; F. Is i an treas àithne, Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann diomhanas, oir cha mheas an Tighearna neo chiontach eisean a bheir ainm ’an diomhanas. Ceist LIV. Creud ata air iarruidh san treas àithne? F. Ata an treas àithne ’g iarruidh, gnathachadh naomh agus urramach a dheanamh air ainmibh, tiodalaibh, buaidhibh, ordunnansaibh, briathraibh, agus oibribh Dhe, C. Creud an doidh air an coir dhuinn’ ainm Dhe a ghnathachadh? F. Air doigh naomh agus urramach, eadhon, le bhi beachdachadh air a mhordhachd neo’-chriochnach, agus air oirdheirceachd le iriosalachd, agus mòr eagal. C. Creud ata r’ a thuig sin le ainm Dhe ann san àite so? F. Ni air bith ata gu coitcheann air ainmeachadh air Dia, agus leis am bheil s è ’g a fhoillseachadh fein dhuinne, mar dh’ aithnighear duin’ air ainm. C. Creud iad na nithe leis am am bheil Dia ’g a fhoillseachadh fein dhuinne? F. An t sea sin, eadhon, ainme sin, a thiodalaibh, a bhuaidhibh, a riaghailtibh, a bhriathraibh, agus oibribh. [TD 247] C. Creud iad na h ainmibh ata é faghail as coir dhuinn an gnathachadh gu h urramach? F. An leithidibh sin, eadhon JEHOBHAH, an TIGHEARNA, DIA, JAH, ATA MI, an t ATHAIR, a’ MAC, JOSA CRIOST, an SPIORAD NAOMH, an SPIORAD. C. Creud iad tiodola’ Dhe, is coir dhuinn an gnathachadh gu h urramach? F. Is iad sin ainme gnathaicht’ sin air an tarruing o oirdheircibh sonruichte Dhe, mar ata Tighearna nan Sluagh, Righ nan Righ, Tighearna nan Tighearna, Athair na Soillse, Ti naomh Israel, Cruthai’-fhear criochaibh na talmhain, fear coimhid dhaoine, agus an leithidibh sin. C. Creud iad buaidhean Dhe is coir dhuinn an coimhid gu h urramach? F. A bhuaidhibh nadurra, leis am bheil è air ainmeachadh, agus air eidir-dhealuch’ o a chreatuiribh uile, mar ata uile-chumhachd, uile-lathaireachd, bioth-bhuantachd, neo’-chaochlui’-eachd, gliocas neo’-chriochnach, naomhachd neo’-chriochnach, maitheas, fireantachd, trocair, &c. C. C’ ar son a deirir buaidhibh Dhia riu sin? F. Do bhri gu bheil Dia ’g an agairt dh’ a fein, mar na nithe nach buin do neach air bith eile. C. Creud iad ordunnansaidh, no riaghailtibh Dhe, as coir dhuinn an gnathachadh gu h urramach? F. Na sacramainte, urnaigh, molladh, searmonachadh, mionna, bòid, croin-chuir, &c. C. Ciod ata r’ e thuigsinle focal Dhe ann san fhreagra? F. Cha ’n è fhocal nadurra sin, ach fhocal sgriobhta, no ann Biobul. C. Creud ata r’ a thuigsin le oibribh Dhe? F. Oibridh a chruthaich, an fhreasdail, agus na saorsa. C. C’ uin’ a dh’ fheadar a radh gu ’m bheil sinn [TD 248] a’ gnathachadh ainme, tiodola, agus buaidhean Dhe, air doidh naomh agus urramach? F. ’N uair a bhios sinn ag altrom sumainteadh eagalach, taingeal, agus gradhach m’ an timchioll, agus an uair a bhios sinn ’g an luadh le ’r billibh gu muirneach, gu measarra, agus gu faiceallach. C. C’ uin’ ata sinn a’ gnathachadh riaghailtean agus orduighean Dhe, air doidh naomh agus urramach? F. ’N uair a bhios sinn gu coguiseach ag feitheamh orra, ag oirpeachadh fonn iriosal agus urramach cridhe ann an dlughachadh re Dia, agus dian-thogradh a bhi aguinn ann diaidh co’-chomunn ris ’n a uil’ orduighean fein. C. C’ uin’ a bhios sinn a’ gnathachadh focal De air doidh naomh agus urramach? F. ’N uair a bhios sinn ’g a leaghadh le durachd, a toirt fai near do mhordhachd Dhe ag labhairt ruinn ann, agus ag oirpeachadh umhlachd a toirt do thoil naomh an Tighearna gu ’n * chaird an uair dh’ fhoillsichear dhuinn i. C. C’ uin’ a bhios sinn a’ gnathachadh oibridh Dhe, gu naomh agus gu h urramach? F. ’N uair a bhios sinn a’ smuainteachadh le tlachd air gloir Dhe ann an oibribh a chruthachaidh, agus a bhios meas urramach aguinn air ceimibh a fhreasdal, a giulan le foighidin le a a smachduchad-san air son peacaidh, a toirt buidheachais dh’ a air son a mhaitheis, gu sonruichte air son an t slanui’-fhir Josa Chriost. Ceist LV. Creud ata ’n treas áithn’ ag toirmeasg? F. Ata ’n treas àithn’ ag toirmeasg mio-naomhachadh no mio-ghnathachadh air bith a dheanamh, air aon ni leis am bheil Dia ’g a fhoillsicheadh fein. * dail [TD 249] C. C’ uin’ bhios sinn a’ toirt ainm Dhia ann diomhaoineas? F. ’N uair a bhios sinn ’g a ghnathach gu neo’-urramach, gu saoidhbheal, no gu diomhaoin; no ’n uair a bhios sinn ag deanamh mio-ghnathachadh air ni air bith leis am bheil ’s e ’g a fhoillseachadh fein dhuinn’, mar ata ainmibh, a thiodolaibh, a bhuaidhibh, orduighean, &c. C. Cionnas ata daoine ciontach ann a’ mio-naomhachadh, no mio ghnathachadh a dheanamh air ainmibh tiodolaibh agus buaidhibh Dhe? F. Air iomad doidh, mar ata, 1. Mionnan breige ann lathair breitheamh ’n uair a ghairmear na fhiadhnais sinn. 2. Le mallachadh, agus mionnachadh gu mio-naomha ann caint choitcheann. 3. Le dia-bheum no bhi ag labhairt’ gu maslach air Dia. 4. Le bhi gnathachadh ainm ann draoidheachd. 5. Le bhi toirt adhraidh do Dhia ann an urnaigh, no buidheachas le inntin leath-chrabhach agus le neo’-churam. 6. Le bhi gnathachadh ainm Dhia gu neo’-urramach ann an coluadar coitcheann, a glaodhaich gun suim air bith, O Dhia, O Thighearna, Dhia cuideach me, beannuich me, agus an leithidibh sin. 7. Le bhi ag luadh mionnain dhaoin’ eile gun suim air bith a ghabhail dhiubh. 8. Le bhi gabhail Dhia mar fhia’-nais gu h obain, &c. C. Am bheil è laghail mionnachadh air ainm Dhia ’n uair a ghairmear thuige sin sinn le ughdarras? F. Ata; ma bhios ar mionnan fior agus ceart, agus ma bhios mothachadh urramach, agus siamh an Tighearna air ar cridheachibh, ’n tra ni sinn so, Deut. 6. 13. Eabh. 6. 6. C. Am bheil é laghail do dhuinne mionnachadh air ar anam, air ar chogais, air ar chreidimh, no an leithdibh sin? F. Cha ’n ’eil; oir mar a’s creatuire iadsin, is Iodhol-adhradh bhi mionnacha’ orra, no bhi ’g an [TD 250] cuir an àite Dhe, le bhi ag toirt an adhraidh, agus nam buaidhibh dhoibh a bhuineas do Dhia. C. Creud an t olc no am peacadh, ata ann a’ mallachadh no am mionnacha’ mio-naomha? F. 1. Ata è ’n aghaidh àithn’ an Tighearna ann san àite so, agus ann ionadaibh eile do ’n sgriobtur, mar ata Mat. 5. 34. Rom. 12. 14. 2. Is doidh obain è, air ard bhreitheamh neamh a ghabhail mar fhiadhnais ann an cuisibh faoin, ni air am bheil Dia ag amharc mar dhi-meas oilteil air ainm sin. 3. Ata è ’n a cho’-duchadh brònach air cridhe neo-ghrasmhòr, agus mhio-naomha; Uime sin ata ’n Tighearna ga dheanamh na chomhartha eider-dhealuicht’ eidear an t aingidh agus am firean, Sear. 9. 2. An neach a mhionnaicheas, agus an neach air am bi eagail mionnain. C. Am bheil Dia ag amharc air luchd mionnachaidh mio-naomha mar a naimhdibh? F. Ata; do reir Sal. 139. 20. Thug do naimhdibh t ainm ann diomhaoineas. C. Creud an cunntart ata ann ’a mionnachadh gu mio-naomha agus gu fealltach? F. Buineadh an Tighearna riu-san mar a naimhdibh a mhionnaicheas air an doidh so, le a mhalluchadh-sin a chuir air an tighean, Sach. 5. 3. 4. Agus bithidh a bhreitheanas uathbhasach ’g an dian ruagadh mar aon ann sa bheatha so, agus ann san aith-bheatha; Oir le guth mordhalachd o shleabh Shinai bha na briathraibh so air an labhairt, “Cha mheas an Tighearna neo’-chiontach eisean a bheir ainm-sin ann diomhaoineas.” C. C’ uin’ ata daoine ciontach ann an orduighean Dhe a mhio’-naomhachadh, no mhio’-gnathachadh? F. ’N uair a bhios iad ag feitheamh orra gu fuar-chrabhach, no le cridheachan marbh, agus seachranach. 2. ’N uair a bhios giulan neo’-urramach aca san àm, le bruidhean, le gaireachdaich, no le codal. [TD 251] C. Am feadar croinn a ghnathach ann an cluichibh mar ata cairde agus distean? F. Cha ’n fheadar; oir mar ata croinn ag cur cuisibh fuidh raithe Dhe, chum crioch a chuir air nithe nach fheadadh a bhi air an criochnachadh air doigh air bith eile, bu choir an gnathachadh gu h urramach, Sean. 16. 33. agus 18. 18. Gniomh. 1. 26. C. Cionnas ata daoine mio’-naomhachadh, no mio-ghnathachadh focal De? F. Le fanoid mhio-naomha air, no le bhi ’g a fhiaradh chum mearachd no gniomhartha peacach a chonbhail suas. C. Cionnas ata daoine mio’-naomhachadh, no mio’-ghnathachadh oibridh De? F. Le bhi deanamh dimeas air oibribh sin, le bhi gnathachadh a chreatuiribh gu neo-mheasarradh, a shasuchadh an ain-mianna, le mio-fhoighidin fuigh thriobloidibh, agus le neo’-thaingealachd air son a mhaitheis. Ceist LVI. Cia é an riason ata ceangailt’ ris an treas àithne? F. Is è an riason ata ceangailte ris an treas àithne, ge gu feadadh luchd briseadh na h àithne so, dol saor o dhioghaltas do thaobh dhaoine, gidheadh cha ’n fhuiling an Tighearna ar Dia ne dhoibh dol as o cheart bhreitheanas fein. C. Creud i an argumaint leis am bheil an àithne so air a sparradh oirne? F. Ata i aguinn ann sa bhagradh ua’bhasach sin, oir cha mheas an Tighearna neo’-chiontach iadsan a bheir ainm sin ann diomhaoineas. C. Ciod as seagh do ’n bhagradh so? F. Ata è cialluchadh, ge do leigeis daoine luchd mionnachaidh agus an droing ata mio-naomha as [TD 252] gidheadh nach leig Dia dhoibh dol as gun dioghaltas mar dean iad aithreachas. C. Cionnas ata luchd brisidh na h àithne so dol as o smachduchadh thaobh dhaoine? F. Ata so ag tarladh ann cuid, do bhrigh nach fead lagh dhaoine righeachd air gach mio-naomhachadh air ainm an Tighearna, agus ann an cuid eile, do bhri’ gu ’m bheil moran dhiubh sin bu choir an lagh a chuir ann gniomh orrasan ata mio-naomhachadh ainm an Tighearna, an dara cuid ciontach ann san pheacadh sin iad fein, no na leithide eile, no gu bheil beag seagh aca do ghloir Dhe. C. Ge do leigeis daoin’ as iad, ann leig Diu dhoibh dol as o dhioghaltas? F. Cha leig, oir ge nach ’eil è ’g an smachduchadh do ghna’ ann sa bheatha so, le builibh sonruichte, gidheadh ni è so ’na àm fein, oir dubhairt an Tighearna nach meas è neo’-chiontach iad. C. An gleidh é mion chunntas air peacaidh luchd-briseadh na h àithne so? F. Gleidheidh, oir, ata mòr mheas aige do ghloir ainme fein. C. C’ uin’ a bheir Dia breitheanas air luchd briseadh na h áithne so? F. Ata è toirt breitheanas orra air uaireadh sa bheatha so, do reir, Deut. 28. 58. 59. Sach. 5. 3. 4. Agus ata na Plaighibh sin air uairibh air an corpaibh, agus air uairibh eil’ air an anamaibh, ach ciod air bith mar theid iad as o bhreitheanas aimsireil, ata breitheanas siorruidh ag feitheamh orra, o nach fhead iad dol as, Rom. 2. 3. 4. 5. 6 C- Nach mòr an amaideachd an danadas a ghabhail air lagh an Tighearna a bhriseadh, do bhri’ gu bheil é foighidneach, agus fad fhulangach am breitheanas a chuir ann gniomh air luchd deanaidh an uilc? F. ’S eadh. [TD 253] Ceist LVII. Creud i an ceathramh àithne? F. Is i an ceathramh àithne, Cuimhneich la na sabaid a naomhachadh. Séa laithean saotharichidh tu, agus ni thu t’obair uile. Ach air an t-seachdamh lá tha sábaid an Tighearna do Dhe; air an là sin na dean obair sam bith, thu fein, no do mhac, no do nighean, d’óglach, no do bhan-oglach, no d’ainmhidh, no do, choigreach a ta ’n taobh a stigh do d’ gheataibh; oir ann an séa laithibh rinn an Tighearna na néamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta; agus ghabh e fois air an t-seachdamh là: air an aobhar sin bheannaich an Tighearna la na sàbaid, agus naomhaich se e. Ceist LVIII. Creud iarrar sam cheathramh áithne; F- Ata an ceathramh àithne ’g iarruidh, coimhid naomha do dheanamh a Dhia air na trathaibh suidhighte a dh’ orduich se ann a fhocal fein, gu sonruighte aon la iomlan do na seachd laithibh chum bhi na shàbaid naomha dh’ a fein. C. Creud ata thu cialluchadh le la sàbaid? F. La chum tamh naomh a ghabhail, ann sam bheil daoine re sgur do ghnothaiche saoghalta, chum feitheamh air adhradh Dhe. C. Cia tric ata la na sabaid re bhi air a choimhid? F. Ata è re bhi air a choimhid do ghna’ gach seachdamh la, na aon la, ann diaidh sea laithibh oibridh, C. Am bheil an ceathramh àithne so deas-ghnath- [TD 254] ach, agus re a coimhid car seal, amhain fiachaight air na h Judhaich m’ an d’ thainig Croist? F. Cha ’n ’eil, is àithn’ i ’ta * beasach, agus buan-mhairtheanach, ceangailt’ air gach uile dhaoinibh, Judhaich agus Geintiligh, gu deire an t saoghail. C. Cionnas ata thu co’-duchadh gu bheil an áithne so beusach & buan sheasmhach? F. 1. Do bhri’ gu ’n roibh i air a h orducha’ ann toiseach ann am parras. 2. Do bhri’ gu ’n roibh i air a sgriobhadh le mear Dhe air clar cloiche, agus air a cuir ann san airc maille ris na naoidh àitheanta eile, ni nach d’ rinneadh air aon do na riaghalta deas-ghnathach. 3. Ata na riasoin agus na h argumainte leis am bheil an àithne, so air a sparradh oirne beusach agus buan-sheasmhach. 4. Bha na cinnich agus na coigrich nach roibh faoi lagh nan deas-ghnath air an ceangal re coimhead na h’àithne so, amhail is mar bha na h Judhaich, Isa. 56. 4, 5, 6. Ata na faidhean fuidh ’n t sean tiomnadh, agus Josa Criost mar aon ag labhairt air coimhead na sàbaid mar dhleasdanas a bha mar fhiacha air daoinibh fuidh ’n tiomnadh nuadh ’n uair a bha lagh nan deas ghnath air a chur air cul, Isa. 56. 1, 2. 6. Ata cuguise dhaoine do ghna’ ’g an tagradh gu geur air son briseadh na h àithne so, agus ata Dia gu tric ’ga leantainn le bhretheanas fein. C. Am bheil solus nadurra, agus deadh riasuin ag sparradh coimhid na ceathramh áithn’ oirn’, mar ata iad an naoiamh eile, no am bheil a h ughdarras o thaisbein shoilleir, agus o reachd daingean? F. Ata ughdarras na h àithne uapadh mar aon; oir ata solus nadurra ’g iarruidh gu ’m bithidh, cuid iomchuidh d’ ar ’n aimsir air a buileachadh air adhradh foilleasach Dhe, agus bu choir dh’ a so tachairt gu tric, agus gu ’m bithidh ’s e ann san aon am an sgach àite, chum ’s nach cuireadh gnothaiche an dara duine grabadh air adhradh an duin’ eile. A noise san aig Dia amhain ata fios, * moralta. [TD 255] ciod an cuibhroinn d’ ar ’n aimsir, ata iomchuidh air feumaibh ar corpaibh agus ar ’n anamaibh fa leith, agus air ar staid ne thaobh na beatha so, agus na h aith-bheatha, agus dh’ orduigh e ’na ghliocas le foillseachadh soilleir, an seachdamh cuid d’ ar ’n uine chum na criche so. C. Nach ’eil Dia aig taisbean meas sonruighte do ’n áithne so, le comharthaidh airid onoir agus urram a chuir orra ois-cionn nan àitheantaibh eile? F. Ata; oir, 1. Mar ata i air a suidheachadh ann sa cheud chlar, ata i ni as faide, agus air a sparradh le tuilleadh do argumainte na h aon do chach eile. 2. Ata i air a labhairt mar aon le iartas, agus le toirmeasg, (mar nach ’eil aon do na h àitheantaibh eile) oir cha ’n ’eil è ag radh amhain, coimhid an t sàbaid gu naomha, ach mar an ceadna, na dean gne air bith a dh’ obair air an la sin. 3. Ata cuimhneachan sonruighte air a roimh-cheangal ria, nach ’eil ris a chuid eile do na h àitheanta, CUIMHNICH an t sàboid, a choimhid naomha, mar gun abradh è, feuch gu cuimhnich thu so, ciod air bith a dhio-chuimhneachas thu, na dio-chuimhnich so. 4. Ata i air a suidheachadh ann an meadhon nan àitheantaibh, mar ata ’n cridhe ann sa chorp, chum gach ball dheth a bheothachadh, ata i air a cur ann deire a’ cheud chloir, agus air ball roimh ’n dara clar, a nochdadh gu ’m bheil coimhead nan àitheanta gu leir ann cuid mhor air a cheangal re coimhid na h àithne so. C. Creud iad na criocha’ mor m’ an d’ orduigh Dia sàboid air an t saoghal? F. 1. Air son a ghloire fein, agus chum peacaich iompochadh ris fein, le searmonachadh an fhocail air an la sin. 2. Chum smuainteadh spioradail agus neamhaidh altrom ann ar ’n anamaibh, bha fios aige gu maith gu ’m bithidh nithe feolmhor ullamh chum ar cridheachan fhagail [TD 256] marbh, agus ’g an deanamh dio-chuimhneach air Dia, agus air nithe spioradail, agus uime sinn, chunnaic è iomchuidh ar gairm-ne ann ceann gach seachduin, o chusboire feolmhor chum cuimhneach air nithe neamhaidh, le bhi ag sparradh oirne sàbaid a choimhead ni ata ’na cosamhlachd beothail air neamh, far am bi na naoimh do ghna’ ag toirt cliu agus molaidh do Dhia, agus a’ sealbhachadh co’-chomuinn ris gun mheasgadh air bith do ghnothaiche saoghalta. C. Cia mead do ’n la a dh’ orduighe mar shábaid ata r’ a choimhead naomh do ’n Tighearna? F. Ata aon la iomlan ann seachd; no ceithir uaireadh thar a fichid, o mheadhon oidhche gu meadhon oidhche, gu bhi air a choisreagadh do ’n Tighearna, do bhri’ gu ’m bheil è ’g agairt coir air an t seachdamh cuid d’ ar ’n uine. Ata è fior gu bheil uin’ air a luidheasachadh air son ithe agus codail air la na sàboid, co mhaith is air laithibh eile, thaobh gur oibribh eigin iad, oir cha ’n fhead sinn dleasdanais na sàboid a choimhid a’s an eagmhuis. C. Nach peacadh do dhaoinibh bhi teachd teann air an la so le ’n obair fein? F. ’S eadh; mar bu pheacadh do Ananias agus do Shaphira a’ maoin choisreicete a roinn re Dia, agus gun ach cuid a thoirt dh’ a san; mar so a’s peacadh dhuinne bhi ag roinn na h uine re Dia do thaobh a la naomha fein. C. Nach bu choir do gach aon la bhi mar shàbaid do na criostuidhean? F. Ge do ’s coir do gach criosduidh seirbhis a thoirt do Dhia gach aon la gidheadh cha ’n fhead iad sàboid a dheanamh do gach la, air son adhraidh coitcheann an Tighearna; do bhri’ gu bheil Dia ’g an gairm chum dleasdanais eile m’ an gnothaiche saoghalta, nach ’eil a’ co’-sheasamh re obair na sàbaid. Agus ge ’ta è mar fhiacha oirne bhi naomha, agus crabhach gach am, gidheadh ata è [TD 257] air àithne dhuinne ar ’n aidmheil a thaisbean gniomhartha a’ chrabhaidh o ’n leith ’mach ni as mo ann cuid do amaibh no cheile. C. Co d’ am bheil an ceathramh àithne agus coimhid na sábaid gu sonruighte’ air an tabhairt? F. Do cheannardaibh teaghlachaibh, agus uachdarain eile ni ’ta an àithne fein ag labhairt, ni ata gu cinnteach a’ gabhail riaghail-fheara a steach ann, oir feadar na briathraibh sin, “ann taobh stigh do d’ gheataidh” a thuigsin mu ughdarras riaghail-fheara, gu sonruighte mu gheataidh baille, agus m’ an droing ata gabhail comhnuidh ann ta san, Neh. 13. 15. 19. Jer. 17. 24. 25. &c. C. C’ ar son ata ’n àithne air a tabhairt dhoibhsin n’ is sonruighte? F. Do bhri’ gu ’m b’ aill le Dia, cha ’n è ’mhain gu ’n coimhideadh iad fein i, ach gu ’m bithidh iad curamach chum ’s gu ’n coimhideadh na h uile ata fuidh ’n ughdarras i, mar rinn Nehemiah, Neh. 13. 15. 16, &c. C. C’ ar son a chuir Dia am focal fo CUIMHNICH air thoiseach air an áithne so? F. 1. A nochdadh a meas sonruighte ’ta aig Dia dhi, mar ata i na gàradh dion do na h àitheantaibh eile. 2. Do bhri’ gu ’m bithidh an Diabhol, agus a luchd muintir ag iarruidh cuimhne na h àithne so chuir as gu tur, am bithidh è ’na ’n comas; agus gu ’m bithidh daoine dhiubh fein ullamh a dhi’-chuimhneach’ dleasdanais na sàbaid, thaobh nach ’eil solus nadurra ’g a sparradh oirn’ co daingean re cuid do chach. 3. Do bhri’ gu ’m b’ aill leis gu ’m bitheamaid gu tric ag smuainteachadh air oibribh a chruthaich agus na saorsa; suim a chrabhaidh uile, na nithe air am bheil an la so ag toirt seallaidh dhuinn. 4. Do bhri’ gu ’m b’ aill leis sinn a chuimhneach air an t sàbaid roimh laimh, chum s gu ’m bitheamaid g’ ar deasachadh fein air son a coimhead ’n uair a thig i. [TD 258] C. Ciod e an rioson m’ am bu choir dhuinn bhi deasachadh fa chomhair ua sàboid roimh laimh? F. 1. Do bhri’ gu bheil sinn thaobh nadurra feolmhor, agus neo’-iomchuidh air obair spioradail, agus air ar cuibhreachadh le gnothaiche saoghalta trid na seachd-uin, ata roi’-churam feumail chum ar smuainteadh-ne a thogbhail o nithe talmhaidh, agus an deanamh iomchuidh air son gniomhartha agus sochairean na sàboid. 2. Do bhri’ gu bheil Dia g’ ar gairm am fogus dh’ a-sin ata neo’-chriochnach ann an naomhachd air doigh shonruighte: Agus ata s e ’g iarruidh deasachaidh do reir eisempleir an t salmadoir, Sal. 26. 6. “Glanaidh mi mo lamhan ann neo’-chiontas, agus cuairteacham t altairse o Thighearn.” 3. B’ e so gnathachadh luchd muintir Dhe o shean, bhi’ ag ull’-uchadh fa chomhair na sàboid, air an la roi’-laimh, agus uime sin, bu nòs leo la deasachaidh a radh ris, Luc. 23. 54. C. Creud an deasachadh bu choir dhuinn a dheanamh fa chomhair na sàbaid roi’-laimh? F. 1. Bu choir dhuinn bhi cuimhneacha’ air crioch mhor na sàbaid, le bhi teagasg na dream a chuaidh earbsa r’ ar curam mu thimchioll na criche so, agus sgur d’ ar gnothaicheadh saoghalta chum ’s gum bithidh uin ’aguinn air smuainteachadh air obair an la is faigse; agus chum maitheanas fhaghail ann an cionta na seachd-uin a chuaidh seachad, chum tachairt re Dia ann sith air a la fein. 2. Bu choir dhuinn ar gnothaiche saoghalt’ a riaghluchadh roi’-laimh, le gliocas agus roimh-shealladh chum ’s nach bithidh gnothaiche na sàboid air am bacadh leo. C. An d’ orduigh Dia amaibh sonruight’ ar bith eile re choimhead naomh do ’n Tighearna thuille air la na sàbaid? F. Cha d’ orduigh, ach * fleadhan, agus sàbaideadh deas-ghnathach nan Judhaich, nach roibh * feisdibh. [TD 259] amhain ach nan samhlugh air nithe chum teachd, agus sguir iad ’n tra thainig Criost; ach do bhr gu bheil an àithne mu la na sàbaid gach seachduin beasach, ata i r’ a coimhid do ghna, Col. 2. 16. 17. Gal. 4. 9. 10. 11. 1 Cor. 16. 1. 2. C. Am bheil è ceangailt’ oirne bhi ag coimhid laithe feile ata daoin’ eile toirt fai-near, mar ata laithe air son breith, bais, agus dol suas Chriost, laithibh air an cois-reagadh do ainglibh, mar ata an fheil-Micheil; do ’n oighe Muire, mar ata an fheil-bride, os barr air iomad la eile, ata air an coisreagadh do abstailibh, agus do naoimh? F. Ge ’ta daoine’ ag cur ann ceill gu bheil na laithibh sin a’ meadachadh diadhachd, agus crabhaidh, gidheadh, cha ’n ’eil barrantas air bith aguinn o fhocal De air a h aon dhiubh a choimhid; ach ’n a àite sin ata è ’g amharc mio-laghail bhi ’g a dheanamh; oir 1. Ata Dia ag consuchadh re daoinibh air son an innleachdaibh fein a ghnathacha ann a adhradh san a chur air aghaidh, gun àithne no barrantas uaithe sin m’ an chuis, mar ata Deut. 12. 32. Isa. 1. 12. Jer. 7. 30. 2. Ata ’n t abstol Pol ag diteadh nan Galatianach air son laithe feile a choimhead, Gal. 4. 10. 11. 3. Ata è na dhi meas air la ’n Tighearna a dh’ orduigh Dia, agus na cheannairc ann aghaidh a chumhachd riaghluchaidh ’n tra bhios daoin’ ag cur suas laithe a dh’ orduigh iad fein, ann coimeas r’ a la naomha sin, mar ’ta ’n droing ata ’g an orduchadh sin ag deanamh, le bhi bacadh do dhaoin’ obair a dheanamh air na laithibh sin. 4. Is Iodhol adhradh bhi ag coisreagadh laithe chum onoir naomh agus aingeal, mar chuimhneachan air an gniomhartha, agus a sgaoileadh an cliu; oir ’s ann do Dhia amhain a bhuineas an onoir agus an t adhradh sin. C. Nach roibh na laithibh sin air an ordughadh o shean leis an eaglais, le ughdarras daoin ainmeil agus naomha? [TD 260] F. B’ adhradh fein-thoile dhoibh è, do bhri’ nach roibh cumhachd no ughdarras air bith aca a dh’ ordughadh nan laithibh feile sin. 1. Fuidh ’n lagh ’n uair a bha deas-ghnatha, agus feistean ’gan gnathachadh, cha d’ orduigh an eaglais a h aon dhiubh ach Dia fein. 2. Cha d’ orduigh, agus cha roibh na h abstail a’ coimhid an leithidibh sin do laithibh feile; cha ’n ’eil smid aguinn ’n an sgriobh’ain gu do choisreig iad la air son breith, bàis, no dol suas Chriost; no la air son Stephen a cheud mhairtearach, no air son Sheumais a mharbh Herod leis a chloidheamh; ata sinn ag leaghadh gu roibh na h abstoil ag coimhead la na sàbaid mar la naomh, gun luadh air la air bith eile. 3. Cha ’n ’eil sgriobhadh air bith mu na laithibh sin, ach ataid neo’-chinnteach, agus mar sin, cosmhuil re corp Mhaois am folach, chum ’s nach bithidh daoin’ air am buaireadh g’ a mio’-ghnathachadh gu saobh-chreidimh. 4. Cha ’n ’eil beannuchadh Dhia air na laithibh sin, oir ataid na m sàth air moran aingidheachd, agus neo’-dhiadhachd. 5. Ge do bhi coimhid nan laithibh sin na ni coi-dheas, no laghail ann toiseach: gidheadh do bhri’ gu ’m bheil iad air an truailleadh le saoibh-ealachd, agus neo’-mheasarrachd, bu choir do gach duine sgur dhiubh. C. Nach fead an eaglais laithe troisg agus buidheachais ordughadh? F. Feadaidh; ma bhios deagh riosun air an son agus ata barrantas aig an eaglais o ’n sgriobtur so a dheanamh, mar aon le àitheantaibh, agus le eisempleiribh, Joel 1. 14. & 2. 15. Esra 8. 21. Neh. 12. 27. &c. Dan 9. 3. Agus ata è soilleir gu roibh na laithibh sin gu maireachduin faoi ’n t soisgeul, Sach. 12. 11. 12. &c. Mat. 9. 15. Gniomh. 13. 2. 3. Gniomh. 14. 23. 1 Cor. 7. 5. 2 Cor. 11. 27. Os barr, ’s è Dia le a fhreasdal ata gairm dhaoine chum troisg agus buidheachais; ata ’n [TD 261] eaglais amhain ag ainmeachadh nan laithibh iomchuidh chum ann coimhead. Ceist LIX. Cia an la do na seachd laithibh a dh’ orduigh Dia bhi na Sháboid gach seachd- uin? F. O thoiseach an t saoghail a nuas gu ’n uig’ ais-eirigh Chriost, dh’ orduigh Dia an seachda la chum bhi na shàbaid gach seachd-uin; agus riamh o sin a leith, an ceud la do ’n t seachd-uin a dh fhantainn, agus do ghnathacha gu deireadh an t saoghail, chum bhi na Shàbaid do na Criostaidhean. C. Ann roibh an t Sábaid riamh air atharracha o aon la gu la eile? F. Bha e air atharracha’ o ’n la bu deireannaiche gus an cheud la do ’n t seachd-uin. C. Cia fhad’ a bha ’n la bu deireannuiche no an seachdamh la do ’n t seachd-uin air a choimhcad mar shäboid? F. O thoiseach an t saoghail gu ’n uig’ aiseirigh Chriost, mu thimchioll ceithir mile bliadhna. C. Ma ’ta ’n ceathramh áithne beasach, cionnas a dh’ fheadar an la bha air orduchadh innte mar Shàbaid bhi air atharracha’? F. As ni a cheart la do ’n t seachd uin’ a dh’ fheadar atharrach, do bhri nach buin e do fhior nadurra na h àithne; agus cha ’n ’eil atharrachadh ag deanamh dadum ann aghaidh beasachd na ceathramh àithne, n’ is mo na ’ta atharrachadh meadhona adhraidh fuidh ’n t soisgeul ag atharrachadh beasachd na dara h àithne. C. Cionnas ata è soilleir gu ’m feadar a cheart la do ’n t seachd-uin a sgarachduin o fhior nadurra na h àithne? [TD 262] F. Do bhri’ nach ’eil a cheud chuid do ’n àithne ata na iartas, no chuid is deireannaiche ’ta na bheannughadh ag luadh air an t seachdamh la do ’n t seachd-uin: oir ata cheud aon dhuibh ag radh, cuimhnich la na Sàboid a choimhead naomh: agus an aon eile, uime sin bheannuigh an Tighearna la na Sàboid, agus naomhaich se è. Cha ’n ’eil è ag radh, cuimhnich an seachdamh la, no gu do bheannuigh è ’n seachdamh la, ach amhain an t Sàbaid; a theagasg dhuinn nach ’eil an seachdamh la an ann ordugh aimsir o ’n chruthachadh do fhior * thabhachd na h àithne, ach an seachdamh ann aireamh, agus gum seadadh an seachdamh ann ordugh bhi air atharrachadh, gun bheantain re beasachd na h àithne. C. C’ ar son a dh’ orduigh Dia an seachdamh la o ’n chruthachadh air thus mar Shàbaid? F. Do bhri’ gu b’ ann air an la sin a ghabh Dia fois o obair chruthachaidh; agus uime sin b’ aill leis gu ’n gabhadh daoine fois o ’n oibridh air an la sin, chum cuimhneach air oibridh fein. C. C’ uin’ a dh’ orduigh Dia an t Sàbaid air thus? F. Air ball ann diaidh a chruthachaidh, ’n uair a bha Adhamh ann am parras, Gin. 2. 3. C. Ciod e am feum a bh’ aig’ Adhamh air sábaid ann san áite, agus ann san staid neo’-lochdach sin? F. Do bhri’ nach roibh ann Adhamh ach creatuir criochnach, ge do bha è as eagmhuis peacaidh, agus bhithidh obair choitchean ann an sgeuduchadh a ghàraidh na grabadh ann an cuid air adhradh foilleasach Dhe; uime sin, chunnaic è iomchuidh aon la ann seachd ordugha’ dh’a, ann am bithidh comas saor aig air a shon. C. Co an t ughdarras leis an roihh la na Sàbaid air atharrachadh? F. Leis a’ cheart ughdarras a dh’ orduigh an t Sàbaid ann toiseach, eadhon, ughdarras Chriost, * nadur’. [TD 263] neach ata na fhior Dhia, agus na Thighearna na Sàboid; oir is ionnan è co dhiu a rinn Criost è fein so gu neo’-mheadhonach, no sheol è a chuid abstol chum a dheanamh, ach ata è soilleir, gu do choimhid na h abstolaibh a cheud la do ’n t seachd-uin, agus gu ’n d’ thug iad seoladh ma thimchioll, ni nach deanadh iad gun teagasg m’ an chuis o ’n Tighearna. C. Ciod am feum a bha air an t Sáboid atharracha’ o aon la gu la eile? F. 1. Chum gloir, mordhachd agus ard-uachdranachd Chriost ois-cionn na h eaglais a thaisbean. 2. B’ aill leis an seachdamh la Sàboid a chur as cuimhne, a nochda’ le sin, gun roibh è cur air cul an adhraidh, agus nan deas-ghna’ a bha ann cleachduin o shean air an la sin. C. C’ ar son a bha ’n t atharrachadh air a dheanamh gus a cheud la do ’n t seachd-uin? F. Do bhri’ gun do ghabh an Tighearna clos air ann la sin o obair na saorsa, ni a bu mhò na obair a chruthachaidh. Oir ’n uair a bha na deich àitheanta air an tabhairt, b’ e an cruthachadh an obair bu mho a rinn è; ach anois air dh’ a obair bu mho a dheanamh, bha è iomchuidh gu ’n d’ thigeadh cuimhneachan an dara h aon a steach ann àit’ an aon eile. Uime sin, air bhi do obair iongantach na saorsa air a criochnachadh anois, ann san do thaisbean Dia buidhean glòrmhor a nadurra air doigh co mhiorbhuileach, bha è feumail gu ’m bithidh an la air ann do ghabh Dia fòis o ’n obair so, air a chonbhail air chuimhne gu brath. Do laithibh na seachduin uile, b’ e cheud la, bu mho onoir do ’n fhear shaoruidh, agus bu mho gairdeachais do ’n dream a chuaidh shaoradh leis: oir air an la so, dh’ eirigh Criost o na mharbhaibh, agus bha è air fhoillseachadh gu bi na Mhac do Dhia le cumhachd; air an la so fhuair ar fear urrais glòrmhor lan shaoradh d’ ar ’n ain-fhiach-ne, bha è air fhuasgladh o [TD 264] phriosun, agus rinn è buaidh-ghair thar na h uile bu naimhde dh’ a san agus dhuinne. C. Am bheil àithne shoilleir aguinn’ air ann t Sàbaid a choimhead air an la so? F. Cha ’n ’eil, ge ’ta deagh bharrantas o ’n sgriobtur air son so a dheanamh, oir, ata ’n ceathramh àithne gu soilleir ag cur mar fhiacha oirne aon la ann seachd a choimhead mar shàbaid, agus air bhith do ’n eaglais uile fiosrach air eisempleir Chriost, agus a chuid abstal, ann an coimhead a cheud la do ’n t seachd-uin, bu leoir so a thoirt orra a choimhid gu h aon-sgeulach, agus mar so, b’ e gnathachadh eaglaise Chriost gu h uile o linn nan abstal, bhi ag coimhead a’ cheud la do ’n t seachd-uin do ghna’ mar an t Sàboid Chriostaidh. C. Creud am barrantas ata aguinn o ’n sgriobtur air a cheud la do ’n t seachd-uin a choimhead mar Shàbaid? F. 1. Ata è air innseadh dhuinn’ gu ’n roibh ais-eirigh Chriost air an la so. 2. Ata eisempleir Chriost fein aguinn ann an tachairt gu tric air ann la so r ’a dheisciobuil chum gniomhartha a chrabhaidh; air an la so thachair è air an dias dheisciobul a’ dol a dh’ ionnsuidh Emmaus, agus dh’ fhosgail è na sgriobtuiribh dhoibh; air an la so thaisbean è fein do ’n aon-deug, nochd s e a lamhan agus a chosaibh dhoibh, agus dh’ fhosgail è suilibh an anamaibh; air ann la so thaining è agus bheannuigh s e iad, agus thug e ’n Spiorad Naomh dhoibh; air ann la so thachair è riu, agus thug se dearbhadh grasmhor do Thomas, mar chi sinn, Luc. 24. 27, 36, 40, 45. Eoin 20. 19, 22. 26, 27. 3. Air ann la so, do bhi a chuingis, ’n tra dhoirt Dia an Spiorad Naomh a nuas air na h abstoilibh, agus air na braithre air doidh ro shonruighte ann nan coi’-thional, Ghniomh. 2. 1, &c. 4. Air ann la so, bu ghna’ leis na deis- [TD 265] ciobuil cruineachadh chum adhraidh Diadhaidh, chum am focal a shearmonacha’ agus eisteachd, agus a chonbhail suas cuimhneachan suipeir an Tighearna, Gniomh 20. 7. 5. Air a cheud la do ’n t seachd-uin dh’ orduigh na h abstail bhi togbhail deirc nam bochd, do bhri’ gu ’n roibh na coi’-thionalaibh coitcheann air an la sin, 1 Cor. 16. 1. 2. 6. Mar chuir Criost ainm fein air sacramaint na suiper, ag radh suipeir an Tighearna ria, do bhri’ gu raibh i air a h ordughadh leis sin; air an amhail cheadna, chuir è ainm fein air a cheud la do ’n t seachduin, ag radh la an Tighearna ris, Tais. 1. 10. C. Am bheil an ceathramh àithn’ ag cur uil’ onoir agus urram an t seachdamh la Sábaid, air a cheud la do ’n t seachd uin? F. Ata, do bhri’ gu do ghabh Dia fois air an la so, o obair bu mhò gu mòr na obair chruthachaidh, (amhain air am bheil aithris aguinn ann san cheathramh àithne, do bhri gu ’m b’ i an obair bu mhò ann sin,) agus ata tuille aobhair cliu agus buidheachais aig na h uile dhaoin’ air an la so chuimhneachadh na bha aca air an t seachdamh la. Ceist LX. Cionnas is coir an t Sábaid a naomhachadh! F. Is coir an t Sàbaid a naomhachadh, le tamh naomh a ghabhail re fad an la sin gu h iomlan; agus sin fòs o ghnothaiche saoghalta, o aigheir agus sugradh, ata ceaduight air laithibh eile, agus an uil’ aimsir sin do bhuileachadh re oibribh crabhaidh, gu diomhair agus gu follasach, leith muigh do mheud is ata iomchuidh r’ a chaitheamh re oibribh na h eigin agus na trocair. [TD 266] C. Creud an seagh ann san abrar gu ’m bheil Dia ag naomhacha’ na Sàbaid? F, Le bhi ’g a coisreigeadh, no g’ a cuir air leath chum feumaibh agus gnothaiche naomha. C. Creud an seagh ann san abrar gu ’m bheil sinne ag naomhachadh na Sàbaid? F. Le bhi ’g a coimhead naomh do Dhia, no le bhi ’g a caitheamh chum nan criocha, agus nan gnothaiche naomh m’ an do chuir Dia air leith i. C. Creud é an tamh naomh ata air iarruidh air an t Sàbaid? F. Bhi ag sgur gu h iomlan o gach gnothach agus sugradh saoghalt. C. C’ ar son a’s eigin dhuinn iad sin a sheachnadh air an t Sàbaid? F. Do bhri gu do thoirmeasg Dia iad, agus gu ’m bithidh iad ’n am bacadh air adhradh, agus air a sheirbhis fein air an la sin. C. Cia fhad an uin’ as coir dhuinn ar gnothaiche saoghalta agus sugradh a sheachnadh? F. Trid la na Sàbaid gu h iomlan. C. C’ ar son nach fhead sinn cail-eigin do shugradh a ghnathachadh ann diaidh do ’n adhradh choitchinn dol seachad, mar ata bhi spaisdeorachd air a mhachair, no a leithid sin? F. Do bhri’ gu b’ uin an la gu h iomlan do Dhia, agus bu choir a choimhead naomh do ’n Tighearna, agus is naomh-ghaoid ni air bith a bhuineas dh’ a san a thoirt uaithe ’g ’ar feum no g’ ar toil inntin fein. 2. Ata è gu teann air a thoirmeasg dhuinn, bhi gabhail ar toil inntin fein air la naomh an Tighearna, Is. 58. 13. C. C’ ar son ata aigheir agus sugradh saoghalt’ air an toirmeasg air an la so? F. Do bhri’ gu bheil iad ag grabadh obair spioradail na Sàbaid, agus ag fagail an anama n’ is mi iomchuidh air a son na dheanadh, seadh’ fòs gnothaiche coit-chinn saoghalta dhaoine. C. Am bheil gne air bith d’ ar ’n obair, no d’ ar gnothaichibh fein laghail air la na Sábaid? [TD 267] F. Cha ’n ’eil, ’n taobh thall do oibribh eigin agus tròcair. C. Creud iad na h oibribh eigin ata laghail air la na Sábaid? F. Na gniomhartha sin nach b’ urradh sinn gabhail rompa le ’r curam roi’ laimh, na dail a chuir annta gu tearaint gu diaidh laimh,; mar ata bhi g’ ar dion fein o ar naimhde, no ag teicheidh uatha, ag cur cosg air teine, a cur eadaich umain, agus an leithid sin. C. Creud iad na h oibridh tròcair ata laghail air la na Sábaid? F. Gniomhartha ’ta chum beatha a theasairgin, mar ata bhi gabhail bidhe chorporra agus ag beathacha’ ar ’n ainmhidhean, no ’g an toirt a cunntart, bhi aig frithealadh, agus ag feitheamh air daoinibh tinn’ ag tional deirc nam bochd, agus an leitidh sin. C. Cionnas bu choir dhuinn ar cuisibh a riaghlughadh ann bhi ag deanamh oibridh eigin air an la so, chum oil-bheum a sheachnadh? F. Is coir dhuinn gun lamh a bhi aguinn nan toirt m’ an cuairt, na tlachd a ghabhail ann ta ’n tra tharlas iad; ’s eigin dhuinn oirp’ a thabhairt air ar cridheachan a chonbhail ann am fònn spioradail ann uair a bhios sinn gan deanadh, agus an cur seachad co-luath sa bhios ’n ar comas chum pillidh gu obair shonruighte na Sàboid. C. Ciod é am fónn anama is iomchuidh dhuinn altrom air la na Sábaid? F. Fònn naomh, agus spioradail, mar ata Eoin ag labhairt, Tais. 1. 10. Bha mi san spiorad air la an Tighearna? C. Ciod as seagh do na briathraibh sin, Bha mi san Spiorad? F. Ataid ag cialluchadh ar smuainteadh bhi air an togbhail ois-cionn nithe talmhaidh, agus ar ’n anamaibh fhosgladh re dortadh an spioraid agus bhi ’g earbsa r a’ chongnamh ann an dleasda- [TD 268] naisibh an la gu h uile, o ’s barr, ataid ag cialluchadh gràsaibh an Spioraid a bhi gniomhach ionnaine, agus criocha spioradail a bhi aguinn ann an uil’ oibribh na Sàbaid cha ’n è chum ’s gu ’m faice daoine sinn ach chum Dia a ghloruchadh agus a mhealtain co’-chomuinn ris. C. Creud iad na dleasdanais naomh ’ta iomchuidh mar obair air la na Sábaid? F. Gniomhartha follasach, diomhair, agus uaigneach adhraidh Dhe. C. Creud iad na gniomhartha follasach ata iomchuidh air? F. Co’-pairt a bhi aguinn ann an urnaigh, agus moladh le coi’-thionalabh luchd muintir Dhe, bhi ’g eisteachd an fhocail ’g a leaghadh, agus ’ga shearmonachadh, agus a’ gabhail nan sacramainte. C. Creud iad na gniomhartha diomhair ata mar fhiacha oirn’ air an la sin? F. Ata e feumail do theaghluighibh teachd ann ceann a cheile air an la so, chum adhradh Dhe, le bhi ag leaghadh fhocail sin, le bhi ag seinn a chliu, agus a’ gairm air ainm; agus cuid do ’n uin’ ’a chaitheamh ann ceasnughadh cloinne, agus shearbhanta, bhi ’g aithris nan searmoinibh, no re coluadar Diadhaidh. C. Am bheil é mar fhiacha air gach ceannard teaglaich adhradh thoirt do Dhia maille r’ an teaghlach? F. Ata. C. Cionnas ata thu co’-dughadh sin? F. O ’n cheathramh àithne ’ta ’g iarruidh air gach ceannard teaghlaich, leis na h uile ’ta ’n taobh stigh d’ a gheataibh, m’ as iad a chlann, no shearbhanta, no choigreach, la na Sàbaid a choimhid naomh, agus ’s eigin so a dheanamh, le bhi toirt adhraidh do Dhia, co mhaith is le tamh a ghabhail o obair; air atharrachadh so, cha ghleidheadh e, ’n t Sàbaid ni a b’ fhearr na na h ainmhighean; agus cha ’n ’eil an t adhradh so [TD 269] air a cheangal ris an ni ata follasach amhain; oir ata ’n àithne gna’ cheangailt air ceannardaibh teaghluighibh ge nach b’ ithidh adhradh coitchinn r ’a fhaghail; ’s eigin dhoibh an t Sàbaid a naomhachadh ann an ionadaibh comhnuidh, Lebh. 23. 3. 2. Ata e mar fhiacha air ceannardaibh, teaghluighean a riaghlucha’ mar ni ministeir an eaglais, agus sin le bhi dol air thoiseach orra, ann an adhradh Dhe, 1 Tim. 3. 4. 5. 3. Ata e mar fhiacha oirn’ urnaigh dheanamh ann sgach àite, leis gach gne urnaigh agus uaithe sin le urnaigh teaghlaich, 1 Tim. 2. 8. Eph. 6. 18. 4. Air aith philleadh do ’n Tighearna r ’a phobull, ata è gealltain Spiorad gràis, agus athchuinge a dhorta’ ’mach air teaghlachaibh, air achd a’s gu ’ m bithidh gach teaghlach fa leith re bròn Sach. 12. 10, 12. 5. Ata corruigh Dhe ann crochadh ois-cionn gach teaghlaich nach ’eil a’ gairm air ainm sin, Jer. 10. 25. Fai-dheoidh, ata adhradh teaghluighean gu mòr air a chliuachadh le eisempleir Chriost, agus nan naomh, mar bha Abraham, Joshua, Daibhi, Daniel, agus Cornelius, Mat. 26. 20. Luc. 9. 18. Gin. 12. 8. agus 13. 4. and 21. 23. Josh. 24. 15. 2 Sam. 6. 20. Sal. 101. 2. Dan. 6. 10. Gniomh. 10. 2. C. Creud iad na dleasdanais uaigneach ata iomchuidh air la na Sábaid? F. Urnaigh uaigneach, bhi ag leaghadh nan sgriobtur agus leabhraichean Diadhaidh ele, smuainteachadh air nithe spioradail, agus fein cheasnughadh. C. Creud iad na nithe bu choir dhuinn iarruidh air maidin la an Tighearna? F. Fònn spioradail iomchuidh air son obair an la, latharachd ghràsmhor an Tighearna le luchd teagaisg, agus le luchd eisteachd, agus gu sonruighte air son congnamh an Spiorad ann ’s gach aon dleasdanas a bhuineas do ’n la, gu ’n gleasadh Dia ar cridheachan chum eisteachd, gu ’n [TD 270] d’ thugadh e tuigse dhuinn’ chum breathnughadh gu ceart, gliocas chum co’-chuir, mothachadh chum àithne dheanadh, creidimh chum creidsin, meoghair chum a chonbhail air chuimhne, agus gràs chum na nithe a bhios sinn ag eisteachd a ghnathachadh chum is mar so gu ’m bithidh am focal na bholtrach beatha chum beatha dhuinn, agus cha ’n ann na bholtrach bàis chum bàis. C. Creud iad na nithe bu choir dhuinn iarruidh ’n ar ’n urnuigh air feasgar na Sábaid. F. Air son maitheanas ann ar teachd gaoirid ann an dleasdanasaibh na Sàboid air sgath fuil diolaidh Chriost; agus ann san am sin, bu choir dhuinn’ le bròn bhi ’g aidmheil ar saoghaltachd, ar fuar-chrabhadh, ar seachranaibh, ar sgitheas agus ar leath chriocha ann ’s gach dleasdanas, dorchadas ar ’n inntine, cruas ar cridhe, fuarachd ar miannaibh, agus cealgoireachd ar meoghair agus mar an ceadna bu choir dhuinn buidheachas a thoirt do Dhia air son na Sàbaid, agus an fhuaim aoibhneach ata sinn ag cluinntin air an la so, agus bhi guidhe gu mairfeadh fònn na Sàbaid ann cail-eigin trid na seachduin, chum ’s gu ’n gluaiseamaid le Dia, agus gu ’m bithidh Sàbaid shiorruidh air neamh aguinn do ghna’ ann san amharc. C. Am bheil sonas rioghachd neamh cosmhuil re Sàbaid? F. Ata, agus deirir so ris, Eabh. 4. 9. Oir ’s e seagh an fhocail fois, no suaimhneas ann s’ a cheud chaint, Sàbaid, no bhi ag coimhid Sàbaid. agus ata e mar so air gach doigh a leanas. 1. Mar ’ta ’n t Sàbaid, na tamh o obair na seachd-uin, mar sin, ata rioghachd neamh na clos o ’n t shaothar ata aig na naoimh le droch cridhe, agus le droch shaoghal. 2. Mar ’ta ’n t Sàbaid na la chum cuimhneachadh le buidheachas air a chrich a chuir Criost air obair na saorsa, mar sin, bithidh iad do ghna’ air neamh, a’ cuimhneachadh [TD 271] gniomhartha cumhachdach Chriost, agus ag toirt cliu, agus molaidh dh’ a air son graidh saoruidh. 3. Mar ’ta ’n t Sàboid na la chum co’-chruinneachadh nan naomh, mar sin air neamh ata co’-chruinneachadh nan naomh gu h uile nan aon bhuidhean ghlòrmhor. 4. Mar ata an t Sàbaid na la chum co’-chomunn re Dia ’na riaghailtibh fein, mar sin ata co’-chomunn siorruidh re Dia air neamh gu neo’-mheadhonach. C. Creud iad na nithe ann san toir an t Sábaid air neamh barr air an t Sábaid air thalamh? F. 1. Cha bhi cridheachan nan naomh neo’-fhonn-mhor a choimhid na Sàbaid neamhaidh mar as tric leo hhi air thalamh. 2 Cha bhi bròn air a choi’-measg le ’n laoidhibh molaidh mar ata e air thalamh. 3. Cha d’ theid bacadh chuir air obair na Sàbaid ann sin, le uir-easbhuidh a chuirp; le codal le eadach, le ith, &c. mar ata air thalamh. 4. Cha ’n ’eil oidhche ag leantainn na Sàbaid air neamh, no la seachd-uin na dhiaidh gidheadh cha ’n abair neach gu brath, “Creud an sgitheas ata ann.” mar a deir moran air thalamh. Ceist LXI. Creud ata air a thoirmeasg san cheathramh áithne? F. Ata an ceathramh áithne ag teirmeasg mio-naomhachadh na Sàbaid le diomhaineas, agus neo-churam ann oibribh an la sin, no fòs le smuainteadh briathraibh, no gniomhartha neo fheumail mu thimchioll gnothaicheadh saoghalta, no re aigheir agus sugradh. C. Creud iad na h uilc ata air ann toirmeasg san àithne so? F. An triuir sin, eadhon, bhi dearmad nan dleasdanais ata air an iarruidh san àithne, bhi ’g an [TD 272] deanamh gu neo-churamach, agus gach mio-naomhachadh air an la so, nithe a dh’ fheadar a dheanadh air iomad doigh, mar ata ann san fhreagradh. C. Creud ata thu cialluchadh le dearmad a dheanamh air na dleasdanasaibh ata air an iarruidh? F. Dearmad a dheanamh air na nithe ta mar fhiacha oirn air an la so, le bhi treigsin co’-chruinneachadh follasach luchd muintir Dhe, no le dearmad a dheanamh air adhradh ann ar teaghlachaibh, no an uaigni’-eas. C. Nach ’eil peacaidh dearmaid nan peacaidh mor? F. Ata; oir ataid ag deanamh dimeas ar ughdarras Dhe, agus ag lot’ na coguis, agus air an aobhar sin, bha cuid dhiubh san a bha fior Dhiadhaidh a’ glaodhach amach air leaba bàis, “O Thighearna, logh mo pheacaidh dearmaid.” C. Creud ann peacadh ’ta ann dearmad bhi feitheamh air na h ordunnansaidh follasach air la na Sàboid? F. 1. Le so, ’ta daoine ag diultadh do Dhia a gheill agus an t seirbhis fhoilleasach ata dligheach dh’ a o gach uile dhaoinibh, Isa. 66. 23. “O aon Sàbaid gu Sàbaid eile thig gach feoil chum adhraidh ann a’ m’ lathair-se, deir an Tighearna.” 2. Ata e na dhi meas air na meadhona gnathaichte dh’ orduigh Dhia chum anamanna iompochadh, chum truaill’-eachd a laguchadh, agus gràs a neartuchadh. 3. Bithidh iadsan a theid a’ mugha’, ag caoidh gu siorruidh an dearmad a rinn iad air gach fàth a bha aca. C. Am foghain é mar leith-sgeul air son a leithid so do dhearmad, daoine bhi ag radh, gu ’n roibh iad a’ gabhail cungaidh leighis, no ag sgaoileadh fola air an la sin nach roibh truscan, iomchuidh aca, no gu roibh an la fuar, no* stoirmeil, no an leithidibh sin? * doinionnach. [TD 273] F. Cha ghabhar mar leith-sgeul air son dearmad a dheanamh air riaghailtibh Dhe, aig caithir breitheanais, na nithe sin nach bacamaid o mhargadh buidhneach saoghalta. C. Creud ata thu cialluchadh le coimhid neo’-churamach air dleasdanasaibh na Sábaid, ata air ann toirmeasg ann so? F. ’N uair a bhios daoin’ ag feitheamh air adhradh Dhe, gun churam, no tlachd ionnta, no gu fuar-chrabhach, air doidh mharbh sheachranach, sgith, no chodalach. C. Nach ’eil an t Sàbaid air a mio-naomhachadh air achd eile thuilleadh air peacaidh dearmad, no neo’-churam ann an coimhead ar dleasdanais? F. Ata; le iomad peacadh deanadais, mar aon peacaidh chridhe agus beatha. C. Creud iad peacaidh a’ chridhe leis am bheil an t Sàboid air a mio-naomhachadh? F. Is iomad sin, mar ’ta Dia sheanadh, ann creideas a thoirt do ’n fhirinn a shearmonaichear dhuinn air an la sin, le ain-eolas air an fhirinn sin, fuath air obair na Sàbaid, cealgoireachd agus fuar-chrabhadh ann san obair sin, bhi gabhail sgitheas, no ag codal ann am eisteachd, bhi smuainteachadh air nithe saoghalta, bhi ag seasamh ann aghaidh sirinneadh Chriost, agus na dream ata ’gan craobh-sgaoileadh, bhi deanadh tair air sgeul aobhean an t soisgeul, agus a’ diultadh tairgse ’n fhir shaoruidh phrisoil ataid ag faghail, le dimeas. C. Creud iad na peacaidh o ’n leith ’mach leis am bheil daoin’ ag mio-naomhacha’ na Sàbaid? F. Is ro lionmhor iad sin, mar ata, 1. Bhi ag labhairt ar briathraibh fein air an la so, no re cainnt air nithe saoghalta. 2. Bhi ag deanamh ar ’n oibribh fein, eadhon, cuid do sheirbhis a dh’ fheadamaid a dheanamh air an la roi’-laimh, no dail a chuir ann gus an ath-la. 3. Bhi ag faghail ar toil inntin fein, le aigheir agus le sugradh saoghalta air la an Tighearna, nithe ata gu [TD 274] soilleir air an toirmeasg, Isa. 58. 13. Faic a cheist roi’-laimh. 4. Bhi ag deanamh nithe air an la so, ta cronail ann ’ta fein, leis am bheil am peacadh gu mor air ann-tromachadh, ann sam bheil daoine ciontach, ’n uair a bhios iad, ann àite bhi feitheamh air adhradh Dhe air la na Sàbaid, ag caitheamh an la naomha so, re misg agus mionnacha,’ re neò-ghloin, agus re fochaid air nithe naomha, no toirt toi-bheum do fhior luchd adhraidh Dhe. Ceist LXII. Cia iad na riasuin ata ceangailte ris an cheathramh âithne? F. Is iad na riasuin ata ceangailte ris an cheathramh àithne, Dia do bhi ag ceadachadh dhuinne sea laithe do ’n t seachd-uin d’ ar gnothaichibh fein, ag agradh coir araidh dh’ a fein air an t seachdamh la; agus an eisempleir a thug se fein uaithe, agus gu ’n do bheannuigh se la na Sàbaid. C. Creud é an cheud riasun leis am bheil an áithne so air a sparragh oirne? F. Ata e air a tharruing o mhor mhaitheas agus aontachadh Dhe, ann an sea laithe a cheaduchadh dhuinne chum ar gnothaiche fein, agus gun ach aon la ghleidheadh dh’ a fein; ’n uair a dh’ fheadadh e sea laithe a ghabhail dh’ a fein, agus gun ach aon la fhagail aguinne. C. Creud iad na briathraibh do ’n àithne ann sam bheil an riasun so aguinn? F. Ann ’s na briathraibh sin, ann sea laithibh dean t obair agus t uile shaothair. C. Creud e an dara riasun chum an áithne so sparragh? F. Ata e air a tharruing o ’n choir agus an [TD 275] t seilbh ata aig Dia air an t seachdamh la; oir ata è ag agradh coir shonruight’ air. C. Co na briathraibh do ’n áithne ann sam bheil an riosun so aguinn? F. Ann sna na briathraibh sin, ach ’s e an seachdamh la, Sàbaid an Tighearna do Dhia sa. C. Ach nach leis an Tighearna uile laithe na seachduin? F. Is leis, ach ata sealbh shonruight’ aige ann san t seachdamh la thar chach; mar a naomhaich agus mar chuir è air leith è o fheum coitchinn, chum adhraidh agus a sheirbhis fein. C. Nach bu naomh-ghaoid ro mhor, bhi ag toirt a la fein, no aon chuid dheth o Dhia, do bhri’ gu ’m bheil é ’g a agradh dh’ a fein? F. B’ eadh. C. Creud an treas riasun leis am bheil an áithne so air a sparradh? F. Eisempleir De, ann an tamh a ghabhail air an t seachdamh la, ni bu choir buadhach oirne chum eisean a leantainn le tamh naomh a ghabhail gach seachdamh la, ann diaidh sea laithibh oibridh. C. Co na briathraibh do ’n àithne ann sam bheil ann riasun so aguinne? F. Ann ta sin, oir ann sea laithibh, rinn an Tighearna neamh agus talamh, an fhairge agus gach ni ata ann ’ta, agus ghabh è comhnuidh air an t seachdamh la. C. Cionnas a deirir gu ’n do ghabh Dia tamh ann sin o chruthachadh, do bhri’ gu ’m bheil e do ghna’ ag cruthachadh anamanna dhaoine, agus gach la a’ toirt moran chreatuiridh gu bith? F. Is è as seadh dh’ a sin, gu ’n do sguir Dia o ghne air bith do nuadh chreatuir a chruthachadh ann diaidh an cheud sea laithe, ge nach do sguir e o nuadh chreatuiribh eidir-dhealuight a chruthachadh. [TD 276] C. Creud e an ceathramh riasun chum an àithne so choimhid? F; Gu do bheannuigh Dia an t Sàboid, ann sna briathraibh sin, uime sin, do bheannuigh an Tighearna la na Sàbaid, agus do naomhaich se è. C. Ciod é as seagh do na briathraibh sin? F. Cha ’n è ’mhain gu do naomhaich Dia an la so chum a sheirbheas fein, ach gu ’n d’ orduigh è ’n t Sàboid chum bhi na meadhon, agus na h am gu tiodhlacaidh aisig dhoibh sin ata ’g a coimhid; agus feadaidh sinn duil a bhi aguinn re beannughadh o Dhia, ma bhios sinn gu dligheach ag feitheamh air sin na riaghailtibh fein air an la sin. Ceist LXIII. Cia i an cuigeadh àithne? F. Is i an cuigeadh àithne, Tabhair onoir do t Athair, agus do d’ mhathair; a chum as gu’m bi do laithean buan air an fhearann a tha’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit. Ceist LXIV. Creud iarrthar san chuigeadh áithne? F. Ata an cuigeadh àithne ’g iarruidh an onoir do choimhead, agus an dleasdanas do choi’-lionadh, a bhuineas do gach aon-neach ann lorg an inbhe, agus an daimhe d’ a cheile fai leth, mar ataid ann airde, no ’n isle, no n coi-meas inmhe. C. Co ata r’ an tuigsin le athair agus mathair san chuigeadh áithne? F. Cha ’n iad amhain ar parantaibh thaobh nadurra, ach ar ’n uachdranaibh uile; oir ataid sin mar an ceadna ag faghail ainm aithreacha agus maithreacha ann san sgriobtur, deirir aithreacha agus maithreacha re rioghraidh, agus bain-rioghain, ann an seagh riaghluchaidh, Isa. 49. 23. Ata [TD 277] ’n dream ata aosmhor ag faghail na h onoir so, 1 Tim 5. 1. 2. Ata ministeiridh nan aithreacha spioradail, 1 Cor. 4. 15. Ata ceannarda teaghlachaidh ’n an aithreacha thaobh sdiuradh gnothaiche an teaghlaich, 2 Riogh. 5. 13. Agus deirir aithreacha riusan ata ainmeil ann an gibhte, ann gràs, no ann inmhe air thalamh, Gin. 4. 20. 21. 22. 2 Riogh. 2. 12. Gin. 45. 8. Gniomh. 7. 2. F. C’ ar son a deirir athair agus mathair re uachdranaibh? F. A theagasg dhoibh sin cosmhuil re parantaibh nadurra, buintean r’ an iochdarain, le gradh agus macantas, mar gu ’m b’ e ’n clann iad, agus gun tàir no dimeas a dheanamh orra. C. Ciod ata thu cialluchadh leis an onoir ata ’n àithne so cur mar fhiacha oirn’ a thabhairt d’ ar ’n uachdranaibh? F. Ata e gabhail a steach ann, gach meas, urram, geill, umhlachd, agus dleasdanas ata lagh Dhe ag iarruidh oirn’ a thabhairt dhoibh. C. Creud i suim choitchinn na cuigeadh àithne? F. Bhi ’g ar ceangal a choi’-lionadh gach dleasdanas ata mar fhiacha oirne, d’ ar coimhearsnaich, ann sgach inmhe agus daimh fai-leith, ma’ s iad ar ’n uachdarain, ar ’n iochdarain, no ar co’-choimeas ann inmhe. C. C’ ar son a deirir a’ cheud áithne le gealladh ris an àithne so? Eph. 6. 2. F. Do bhri’ gur h i a chead àithne do ’n dara clar, agus gu bheil i na steigh umhlachd do ’n chuid eile do àitheantaibh a chloir so; agus ata gealladh air a cheangal ria, a nochdadh a h oirdheirceas thar chach. C. Co ata r’ an tuigsin le uachdranaihh ann san fhreagra? F. Cha ’n iad amhain ar parantaibh nadurra, ach mar an ceadna, riaghlui’-fheara, ministeiridh, maighisdeiridh, fir-phosda, an dream ata aosda, [TD 278] agus iadsan aig am bheil barrachd gibhtean agus gràis. C. Co ata r’ an tuigsin le iochdaranaibh? F. An dream ata ann staid iosal, mar ata iad sin ata faoi ughdarras, eadhon, clann, searbhanta, agus na h uile ’ta lag ann gibhtean, agus ann gràs. C. Co ata r’ an tuigsin le co’-choimeas? F. An dream ata ann sa cheart staid, agus inmhe ruinn fein ann san t saoghal. C. C’ ar son ata mhathair air a h ainmeacha’ ann san àithne co mhaith ris an Athair? F. Chum ’s nach d’ tugadh clann di meas d’ a mathair air son a h anmhuinneachd, agus a bi fuidh ughdarras a fir, oir ata ’n Tighearna ag ainmeachadh na mathair air thoiseach air an athair, Lebh. 19. 3. “Bithidh eagal ’ur mathair agus ’ur ’n athair air gach duin’ aguibh fai leith,” agus c’ ar son? Ach a chur ann aghaidh na droing leis am b’ aill a’ meas agus an dleasdanas ata mar fhiacha orra d’ a mathair a chuir ann neo’-brigh. C. Creud iad na dleasdadais ata mar fhiacha air cloinn d’ am parantaibh?. F. Meas, gradh, onoir, urram, agus umhlachd a thoirt dhoibh; eisteachd r’ an comhairle, agus r’ an teagasg, agus gabhail r’ an achdmhasan, agus r’ an smachduchadh, posadh le ’n toil, am failleanaibh fholach, agus freasdal d’ an uir-easbhuidh, Mal. 2. 6. 1 Riogh. 19. 29. 1 Riogh. 2. 19. Eph. 6. 1. Eabh. 12. 9. Sean. 23. 22. Breith 14. 2. Gin. 9. 23. agus 47. 12. C. Ciod as coir do chloinn a dheanamh ’n uair a bhios am parantaidh ’g an coimhearleach’ ann ni air bith ann aghaidh focail De? F. Ata clann amhain gu umhlachd a thoirt d’ am parantaibh, ann san Tighearna, agus ’s eigin dhoibh gradh, agus umhlachd a thoirt do Dhia o’s gach ni & neach; oir deir an Tighearna Mat. [TD 279] 10. 34. “Ge b’e ghradhaicheas athair no mathair ni as mo na mise, cha ’n airidh orm è.” C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air parantaibh d’ an cloinn? F. An gradhachadh le macantas; an oileanach’ ann an eòlas agus ann eagal De, an cronachadh, an smachduchadh, agus an conbhail fa umhlachd, truas a ghabhail dhiubh, agus urnaigh dheanamh air an son, an teagasg ann slighe an Tighearna, deagh eisempleir a chur rompa, misneach a thoirt dhoibh ann, le briathraibh gradhach; freasdal dhoibh agus bhi cur suas ionmhus fa ’n comhair, bhi ’g an cuir chum ceardaibh iomchuidh, agus bhi dicheallach chum crannchar a’s fearr na nithe saoghalta thional dhoibh, Tit. 2. 4. Sean. 22. 6. 1 Tim. 3. 4. Sean. 29 15. 17. Eph. 6. 4. Sal. 103. 13. Gin. 17, 18. Sean. 31. 2. 3. 1 Tim. 5. 8. 2 Cor. 12. 14. 2 Sam. 12. 16. Ecsod. 2. 26. 27. Deut. 4. 9. 10. Sal. 101. 2. 3. Gin. 25. 5. 6. 2 Chron. 21. 5. Luc, 15. 12. Gin. 4. 1. 2. Gin. 48. 1. Mat. 19. 13. 14. C. Am fead parantaidh clann a chronachadh ann am feirg? F. B’ fhearr dhoibh sgur do chronacha’ gus am bithidh am fearg seachad, chum ’s gun d’ thugadh iad achdmhasan le Spiorad macantais, Gin. 3. 8. Gal. 6. 1. Oir, cha tric le maith teachd a’ corruigh. C. Nach fead sinn gu laghail bhi diom-bui’-each d’ ar cloinn air son an coirean? F. Chum fearg a bhi oirne gun pheacadh, bu choir dhuinn bhi diom-bui’-each do ’n pheacadh, uime sin, ’n uair a chuireas ar clann corruigh oirn’, bu choir dhuinn cha ’n è bhi diom-bui’-each dhiu fein, ach d’ am peacadh sin. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air iochdranaibh d’ an riaghuil-fheara? F. Urnuigh dheanamh air an son, onoir agus geill a thoirt dhoibh, bhi umhal d’ an reachdaibh [TD 280] co’-thromach, cios a dhligheadh dhoibh, an dion agus an coimhead, bhi giulan le ’n eacoire gu foighidneach, agus bhi dileas tairis dhoibh, 1 Tim. 2. 1. 2. 1 Phead. 2. 13. 14. 17. Rom. 13. 1. 6. 7. 1 Sam. 26. 9. 10. 10. 15. C. Creud iad dleasdanais nan uachdaran d’ an iochdrain? F. Deagh reachdaibh a dheanamh, agus luchd riaghail fireanach orduchadh g’ an cuir ann gniomh, bhi curamach mu shith agus dion an iochdaran, misneach a thabhairt do luchd deagh bheus; agus mio-nos a smachducha, bhi ag riaghluchadh le gliceas, le ceartas, agus le trocair; bhi toirt fuasglaidh do ’n droing ata fuidh fhoirneart, bhi ag freasdal meadhona nan gràs do na h uile ’ta fa ’n ughdarras, agus bhi nan aithreacha altrom do ’n eaglais, 2 Chron. 19. 5. 6. 7. agus 17. 8. 9. 12. 1 Phead. 2. 14. 1 Chron. 1. 10. & 2. 1. Isa. 49. 23. 2 Riogh. 12. 7. agus 18. 4. agus 23. 21. Neh. 13. 10. 11, C. Creud iad dleasdanais luchd eisteachd d’ an luchd teagasg? F. Meas mor agus gradh a thoirt dhoibh air son an oifig, agus an obridh: urnaigh dheanamh air an son, feitheamh air na h orduighean a bhios iad ag frithealadh; aontachadh le ’n achdmhasan, agus r’ an cronachadh, eisteachd r’ an teagasg; bhi ’ga chur riu fein, agus ag caitheadh am beatha d’ a, reir, bhi ag druideadh an cluasaibh ann aghaidh gach iomradh mio-runach a thogbhar orra, agus bhi ag co’-pairteach’ d’ an sai’ bhreas saoghalta riu san, 1 Thess. 5. 12. 13. 25. Rom. 15. 30. Luc. 10. 16. Eabh. 13. 17. 18. Seam. 1. 21. 1 Tim. 5. 19. Gal. 6. 6. 1 Cor. 9. 14. C. Creud iad dleasdanais luchd teagasg d’ an luchd esteachd? F. Am focal a shearmonacha gu treibh-dhireach, agus gach riaghailt a fhrithealadh dhoibh, gradh mòr agus speis a bhi aca d’ an anamaibh, [TD 281] bhi re urnaigh gu durachdach air an son, comhnuidh ghabhail ’n a measg, bhi re faire gu curamach orra, bhi ’n an eisempleire le caitheamh beatha diadhaidh, bhi ullamh ann ’s gach aontachadh laghail chum maith agus leas an anama, 2 Tim. 4. 2, 3, 5. 1 Thess. 2. 7, 8, 9, 10. Eph. 1. 15. 16, 1 Phead. 5. 2, 3. Tit, 2. 7. 1 Cor. 9 19, 22. 2 Cor. 12. 19. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air searbhanta d’ a maighisdeiribh? F. Gradh, onoir, agus umhlachd a thabhairt dhoibh, bhi fireanach ann sgach ni a dh’ earbar riu, bhi dicheallach ’n an obair sin, agus curamach chum an toileachadh ann sgach aon ni, giulan gu foighidneach le ’n achdmhusan, agus gun bhi cur ’n an aghaidh, Mat. 6. 24. 1 Tim. 6. 1. Col, 3. 22. Tit. 2 9. 10. 1 Phead. 2. 18. 19. Gin. 24. 12. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air maighisdiribh d’ an searbhanta? F. Bhi ’g an riaghluchadh le macantas, agus cha ’n ann le cruadhas, teachd ann tir iomchuidh a thoirt dhoibh, agus an tuarasdal a dhligheadh dhoibh, curam a ghabhail dhiubh ’n an an-shocair, an cronachadh air son am peacaidh, bhi ’g an teagasg agus ag toirt àithne dhoibh gluasachd ann slighe an Tighearna, agus gu sonruighte bhi coimhead la na Sàbaid, Eph. 6. 9. Lebh. 25. 43. Sean. 27. 27. Deut. 24. 14, 15. Mat. 8. 6. Sean. 29. 19. Gin. 18. 19. Ecsod. 28. 10. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air mnai phosda d’ am fir phosda? F. An gradhachudh agus bhi fireanach dhoibh ann s gach aon ni, meas, urram, agus umhlachd iomchuidh a thoirt dhoibh, bhi curamach ’g an toileachadh, agus an cuideachadh ann an gnothaichibh an teaghlaibh, rabhadh a thoirt dhoibh thaobh uilc no cunntart air bith d’ am bi iad buailteach, bhi ag cur dreach air an aidmheil le giulan [TD 282] macanta, beasach geamnuidh, agus gradhach, agus bhi cur impidh air am fir phosda speis a thoirt do naomhachd, Tit. 2. 4. Sean. 31 12. 1 Tim. 3. 11. Eabh. 13 4. Eph. 5. 33. 1 Phead. 3- 1, 2, 3, 4, 5, 6. 1 Cor. 7. 21. Sean. 31. 27. Gin. 2. 18. Mat. 27. 19. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air fir phosda d’ a mnaoi posda? F. Bhi gan gradhachadh, agus comhnuidh a ghabhail gu geamnuidh maille riu, bhi ’g an beathachadh gu suilbheir, bhi folach am faileana, agus ’g an dion o eacoir, bhi ’g an coimhearlacha gu tric, urnaigh dheanamh air an son, agus maille riu, & bhi ’g an cliuchadh ’n tra ni iad gu maith, Eph. 5. 28, 29. Sean. 5. 18. 19, 20. 1 Phead. 4. 8. 1 Sam. 30. 18. Cor. 7. 33. 1 Phead. 3. 7. Gin. 25. 21. Sean. 31 28. 29. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air an dream a’s òige, agus a’s lugha tomhais ann an gibhte, agus gràis dhoibh sin ata aosda, agus aig’ am bheil barrachd gibhte agus gráis? F. Eirigh suas ann lathair a chinn liath, agus gnuis an t sean dhuin’ onoracha, labhairt gu h urramach riu, toiseach labhairt a thoirt dhoibh, aontachadh le ’n comhairlibh, agus an deagh eisempleir a leantainn, Lebh. 19. 32. 1 Tim. 5. 1, 2. Job. 32. 4, 6, 7. 1 Phead. 5. 5. 1 Cor. 11. 1. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air an dream ata aosda, agus as mó inmhe, dhoibh sin as isleadh agus as lugha inmhe? F. Bhi giulan le ’n anmhuinneachd, agus bhi ag saoithreachadh chum a’ maith, le bhi ’g an teagasg agus re urnaigh air an son, bhi cur dreach air an sean aois le beatha naomh, agus eisempleir dhiadhaidh, Rom. 15. 1. Gin. 48. 15. 16. Tit. 2. 2, 3, 4. C. Creud iad na dleasdanais ata mar fhiacha air na h uile ata ann coimeas inmhe d’ a cheile? [TD 283] F. Bhi umhal an dara h aon do ’n aon eile, bhi truacant’ agus cairdeil r’ a cheile bhi ann sith ’n am measg fein, fònn teo’-chridheach altrom; agus bhi toirt urram, agus onoir d’ a cheile, bhi ag cur beartas a cheil’ air aghaidh, agus bhi deanamh gairdeachas ann an saidhbhreas a cheile, 1 Phead. 5. 5. agus 3. 8. Rom. 12. 10. 15. 1 Cor. 10. 24. Ceist LXV. Creud ata air a thoirmeasg san chuigeadh àithne? F. Ata an cuigeadh àithn’ ag toirmeasg, ni air bith a dheanamh ata ann aghaidh na h onoir, agus an dleasdanais, a bhuineas do gach aon neach ann lorg an inmhe, agus an daimh fai leith d’ a cheile. C. Cia lion doidh air am feadar an áithne so bhriseadh? F. Air da dhoidh, 1. Le bhi ag dearmad dleasdanais na h inmhe, agus nan daimhe ann san do shuidheich Dia sinn, co dhiu ata sinn ’n ar ’n uachdranaibh ’n ar ’n iochdranaibh, no ann coi’-meas inmhe. 2. Le bhi ag deanamh na nithe ata gu soilleir ann aghaidh na h onoir, agus an dleasdanais ata mar fhiacha oirne, d’ ar ’n uachdranaibh, d’ ar ’n iochdarain, agus d’ ar co-choimeas ann inmhe. C. Creud iad na peacaidh ann san tric leis na h iochdarain a bhi ciontach ann aghaidh nan uachdaran? F. Is iomad sin, mar ata, bhi ag deanadh tàir agus dimeas orra, bhi gabhail formaid r’ an staid arduighte; bhi toirt an chaint dhoibh, agus ’g an malluchadh, bhi eas-umhal d’ an àitheantaibh, agus d’ an comhairlibh co’-thromach, bhi deanamh taircuis air an achdmhasan, agus air an [TD 284] smachduchadh, bhi ag taisbean samhlugh urraim, agus umhlachd gu cealgach, gun bhi a’ leantainn an deagh eisempleir, agus an leithidibh sin. C. Creud iad na peacaidh, ann san tric leis na h uachdarain bhi ciontach ann aghaidh nan iochdarain? F. Iad sin, eadhon, bhi ’ag àithne nithe mio-laghail dhoibh, bhi ’g iarruidh orra nithe nach ’eil ’n an comas an deanamh, bhi ’g an comhairleachadh chum uilc, agus ag toirt misneach dhoibh ann, bhi gan bacadh o ’n mhaith, agus ag toirt mi-mhisneach dhoibh ann, bhi ag buintean gu h ain-iochdmhor riu, agus ’g an brosnuchadh gu feirg, giulan uai’-bhreach ardanach d’ an taobh, bhi ’g an cronachadh le searbhus, no ’g an smachuchadh le * cruas, bhi re foirneart agus an-Tighearnas ’g a masluchadh fein, agus ag call an ughdarrais, bhi ag toirt droch eisempleir seachad, agus an leithidibh sin. C. Creud iad peacaidh na dream ata ’n coimeas inmhe ann aghaidh cheile? F. Fuath, corruigh, mio-run, droch cainnt, bhi re eacoir, re toibheum, no cul-chainteach air a cheile; aon neach a bhi ’g iarruidh urram air neach eile, bhi ag buaireadh chum peacaidh, agus bhi toirt miseach d’ a cheil’ ann, agus an leithidibh sin. C. Nach peacadh do chloinn maoin am parantaibh a ghnathachadh mar an cuid fein? F. ’S eadh, Sean. 28. 24. “Ge b’e shladas athair no mhathair, agus a deir cha pheac’ è; is companach struith-fhir an ti sin.” C. Nach ’eil a chlann sin ag toirt eas-onoir d’ am parantaibh ata ag posadh ann aghaidh an toile? F. Ata; Ecsod. 22. 17. Air. 30. 5. Deut. 7. 3. Jer. 29. 6. 1 Cor. 7. 38. Col. 3. 20. C. Ciod è ma bhios clann ag deanamh taircuis air am parantaibh, agus a soilleireach’ an anmhuinneachd? * di feirg. [TD 285] F. Ataid ag tarruing malluchadh Dhia orra fein, Deut. 27. 16. “Gu ma malluighte an ti a ni tarcuis air athair no air a mhathair, agus deir am pobull uil’ Amen.” C. Am bheil sin ag leaghadh air neach air bith air an d’ thainig am malluchadh air son so a dheanamh? F. Ata; eadhon, Ham mic Naoh, Gin. 9. 22. 25. 26. C. Ciod a thig riu san a mhalluicheas am paraneaibh? F. “Ge b’ e mhalluicheas Athair no Mhathair, cuirfear a lochrann san as ann an dubh-dhorchadas,” Sean. 20. 20. Os-barr, ata ’m bàs air a bhagradh orra. C. Ciod é ’ta air a bhagradh orra san nach ’eil amhain ag toirt eas-umhlachd d’ am parantaibh, ach mar an ceadna ag deanamh fochaid orra? F. “An t suil a ni magadh’ air Athair agus leis an tàir umhlachd a thoirt d’ a Mhathair, spionaidh fiach nan glean amach i, agus ithe na h iolaran òg, i,” Sean. 30. 17. C. Ciod a dhlighear do ’n cloinn a bhuaileas am parantaibh? F. An ti a bhuaileas athair no mhathair cuirear gu bàs “è gu deimhin,” Ecsod. 21. 15. C. Ciod é ma ni an riaghlui’-fhear dearmad air an leithid sin do chloinn eas-umhal a smachduchadh? F. Gabhaidh Dia an smachduchadh ’n a laimh fein. C. Am bheil sinn ag leaghadh ar neach air an d’ rinn e so? F. Ata; eadhon, clann Eli, cha d’ eist iad re guth an athar, do bhri’ gu’ b’ aill leis an Tighearna a marbhadh, agus Absalom, mac ceannairceach Dhaibhi, a bha air a thogbhail suas air crann daraich eidear neamh agus talamh, a chrochadh mar chomhartha air ceartas De, air son briseadh [TD 286] na cuigeadh àithne, 1 Sam. 2. 25. 2 Sam. 18. 19. C. Ciod a thachair do chlann bheag Bhethel a rinn magadh air Elisha mar chuaidh è seachad, ag radh, eirigh suas a chinn mhaoil,? &c. F. Chuir Dia amach da mhath-ghamhan bhainionn a reub dias is da fhichead dhuibh, 2 Riogh. 2. 24. C. Nach ’eil a chlann sin ciontach ann eas-onoir a thoirt d’ am parantaibh, ata ag deanamh di-meas orra ’n uair a bhios iad bochd agus aosmhor, agus a leigeas faoi-uireasbhidh iad? F. Ata. C. Nach ro mhor a mhio-nadurrachd do chloinn codhail co olc a thoirt d’ am parantaibh, air son an graidh, agus an caomhalachd dhoibh sin? F. ’S eadh. C. Ciod è dh’ fheadas an leithid sin duil a bhi aca ris air a shon so? F. Tachairt ris a cheart ghnathacha’ sin o ’n cloinn fein ann san t saoghal so, agus re dioghaltas ua’-bhasach na dhiaidh so, mar dean iad aithreachas. Ceist LXVI. Creud è an riasun ata ceangailt ris an chuigeadh áithne? F. Is e an riasun ata ceangailt’ ris an chuigeadh àithne, gealladh air sonas, agus saoghal fada do uile luchd coimhead na h àithne so, do reir mar thig sin le gloir Dhe, agus a’ maith fein. C. O ’ta solus nadurra co shoilleir ag teagasg dhuinn onoir a thoirt d’ ar parantaibh, c’ ar son ata leithid so do ghealladh air a cheangal ria? F. A nochdadh gu bheil soinn mhòr aig Dia ann ughdarras parantaibh a chonbhail suas. C. Cionnas a deirir a cheud áithne le gealladh ris [TD 287] an chuigeadh àithne, Eph. 6. 2. O ’ta Dia ag gealltain trocair do mhilte ann san dara àithne? F. Ata an gealladh ’ta ann san dara àithne mar an ceadna ag righeachd coimhid nan àitheanta eile gu leir, ach ata an gealladh ann san chuigeadh àithne air a dheanamh d’ a coimhead fein amhain. C Ciod è an ni ata Dia a’ gealltain ann san àite so, do ’n dream a choimhdeas an cuigeadh áithne? F. Saoghal fada. C. Ciod a ’ta gealladh air saoghal fada ann so a gabhail a steach ann? F. Ata è gabhail a steach ann, gealladh air soirbheacha’ maille ris gach sochair, agus co’-fhurtachd na beatha so, oir, as an eagmhuis sin, cha bhithidh saoghal fada na dhuais; do bhri’ gur roghnaigheadh am bàs, na saoghal fada ann an truaighe, Eph. 6. 3. Tais. 9. 6. C. Ciod è ma ’ta bu choir do chloinn a dheanamh chum beatha bhuan agus shona fhagail? F. Bu choir dhoibh onoir, agus umhlachd a thoirt d’ am parantaibh. C. Am bheil an gealladh so air saoghail fada, agus sonas do chloinn umhal r’ a thuigsin gu neo’-fhuasgailte, no le laithilt? F. Ata è r’ a thuigsin mar gheallaibh aimseireil eile, leis an lathilt so, co fhada ’s a bhios na nithe sin, chum gloir Dhe agus a’ maith fein. C. Ciod è ma bheir Dia clann umhal air falbh air uaireadh ann am an òige? F. Is coir dhuinn a mheas ’n tra tharlas sin, nach facadh Dia gu ’m bithidh saoghal fada air thalamh chum a’ maith sin, ach ’n a àite sin, gu ’m fac è iomchuidh saoghal fada thoirt dhoibh air neamh, ni as fearr’ gu mor. C. Nach fead clann eas-umhal ma ’ta, duil a bhi [TD 288] aca re beatha ghaoirid, agus an aoibhneach air thalamh? F. Feadaidh. Ceist LXVII. Creud i an seathadh àithne? F. Is i an seathadh àithne, Na dean mortadh? Ceist LXVIII. Creud iarrar san t seathadh àithne? F. Ata an seathadh àithn’ ag iarruidh, gach uile dhicheal dligheach a dheanamh chum ar ’n anam fein, agus anama dhaoin’ eile do choimhead. C. Nach ’eil àitheanta an dara cloir air an cuir sios ann an ordu’ taitneach? F. Ata. oir ’ta an cuigeadh àithne, no a’ cheud àithne do’n dara clar, ag toirt seoladh coitchinn, thaobh a mheas bu choir do dhaoin’ a nochdadh d’ a cheile ann nan daimhibh, agus nan inmhe fai leith. An san dara àite, ’ta seoladh sonruighte aguinn’ thaobh na nithe a’s luachmhora do dhaoinibh: ata cheud aon thaobh ar ’n anamaibh ann san t seathadh àithne, ata an dara h aon thaobh ar geumnui’-eachd ann san t seachdamh àithne; ata ’n treas aon, thaobh ar maoin, ann san ochdamh àithne; ata an ceathramh thaobh ar deagh ainm ann san naothadh àithne. ata an aon as deireannaich mu thimchioll fònn ar cridheachan do thaobh ar staid fein, agus staid dhaoin’ eile, ann san deicheamh àithne. C. Co a bheatha no an t anam ata an seathamh àithne ag cur mar fhiacha oirn’ a choimhead? F. Ar beatha fein, agus beatha dhaoin ’eile mar aon, agus ata sin r’ a thuigsin, cha ’n am amhain, [TD 289] thaobh beatha a chuirp, ach mar an ceadna thaobh beatha an anama. C. Am bheil an àithne so, ’g iarruidh oirne, bhi curamach, agus sáothrach leis gach meadhon air bith, chum ar ’n anam fein, agus anamanna dhaoin’ eile choimhead? F. Cha ’n ’eil; ach amhain, gach meadhona laghail a gnathacha’ le dicheall chum na criche sin. C. Nach fead sinn ni air bith a ghnathachadh gu mio-laghail, no danadas a ghabhail air peacadh chur ann gniomh, chum ar ’n anam fein, no anamanna dhaoin’ eile choimhead? F. Cha ’n fhead. C. Nach d’ rinn Isaac breug ann a Phiuthar a radh r’ a mhnaoi a theasáirgin anama, Gin. 26. 7. agus nach d’ aich sheun Peadar Criost, chum anama choimhead? F. Bha breug Isaac, agus aich-sheun Pheadair nan peacaidh ann aghaidh Dhe, agus cha ’n ’eil iad air an cur sios, mar eisempleir, ach mar rabhadh, agus cha ’n fhead sinn olc a dheanamh chum ’s gu ’n d’ thigheadh maith as: Rom. 3. 8. Os barr, ’s i an t slighe chum ar beatha; agus ar ’n anamaibh a chall gu siorruidh bhi ’g iarruidh an teasairgin le meadhonaibh peacach air bith, Mat. 16. 25, 26. agus 10. 33. C. Creud iad na nithe laghail a dh’ fheadas sinn a dheanadh chum ar beatha chorporra fein a theasairgin? F. Fein-dhion laghail o fhoirneart, gnathachadh measarra air biadh, air deoch, air eadach, air obair, agus air cungaidh leighis ann am feum, mar an ceadna, bu choir dhuinn oirp’ a thabhairt air fònn inntin suilbhear, sioth-chail, agus toilighte bhi ionnain, gun bhi ’g altrom feirge, formaid, broin nan leithide sin do mhiannaibh ata nan leathtrom air slainte, Luc. 22. 36. Eph. 5. 29. [TD 290] Sean. 25. 16, 27. 1 Tim. 5. 23. Isa. 38. 21. Sean. 17. 22. Col. 3. 12, 13. C. Creud iad na nithe bu choir dhuinn a dhcanadh chum beatha chorporra dhaoin’ eile choimhead? F. Bhi tagradh cuis an neo’-chiontaich, agus bhi ag saothrachadh chum am fuasgladh ann cunnart bàis; bhi folach na dream ata fuidh ghear-leanmhuin, no toirt rabhadh dhoibh air an cunnart, bhi ag freasdal do ’n dream ata ann uir-easbhuidh; bhi giulan le ea-coir gun dioladh agus an leithide sin, Sean. 31. 8, 9. 1 Sam. 14. 45. Agus 19. 4, 5. 1 Riogh. 18. 4. Gniomh. 23. 16. Rom. 12. 17, 20. Job 31. 19. Matth. 25. 35. C. Ciod a bu choir dhuinn a dheanamh chum beatha ar ’n anama a theasairgin? F. Bhi ag feitheamh air meadhona na slainte o ’n leith mach, bhi cur re creidimh re aithreachas, agus bhi ceasadh a pheacaidh, agus ag oirpeacha’ naomhachd, Sean. 8. 34, 35, 36. Marc.16. 16. Esec. 18. 31, 32. Rom. 8. 13. Eabh. 12. 14. C. Ciod a bu choir dhuin a dheanamh chum anamaibh dhaoin’ eil’ a theasairgin? F. ’S eigin dhuinn bhi gnathachadh gach meadhoin a dh’ orduigh Dia chum daoin’ a tharruing o pheacadh agus a chuir an iompochaidh air aghaidh, le rabhadh, le achdmhasan, le teagasg, le urnaigh le eisempleir naomh, agus le bhi cliucha’ Chriost dhoibh, Seam. 5. 20. 1 Cor. 7. 16. 1 Phead. 3. 1. 1 Thess. 5. 14. Lebh. 19. 17. Gniomh. 20. 26, 27. agus 16. 31. Ceist LXIX. Creud ata air a thoirmeasg san t seathamh àithne? F. Ata an seathamh áithne ag toirmeasg, ar ’n anam a bhuin asain fein, no as ar coimhearsnach gu h ea corach, agus gach uile nithe a chuideicheas sin a dheanadh. [TD 291] C. Co a bheatha no ’n t anam ata ’n áithne so toirmeasg a thoirt air falbh? F. Ar ’n anam fein no anam ar coimhearsnaich. C. C’ uin’ a dh’ fheadar ar coimhearsnach a chur gu bás le * co’throm? F. 1. Ann càs ceartais choitchinn le riaghlui’-fhear. 2. Ann càs cogaidh laghail. 3. Ann càs fein choimhead feumail. C. Am bheil marbhadh ann càs air bith eile r’ a mheas mar mhurtadh? F. Ata; ach amhain ’n tra’ tharlas è le † spuirlin gun fhios no run air bith gu cron, agus ann san chàs so, do bhi bailte didean aca o shein, chum ’s gu ’n teicheadh am fear marbhaidh a dh’ ionnsuidh a h aon dhuibh, Deut. 19. 5, 6. C. Cionnas ata é soilleir gu bheil comas aig’ an riaghlui’-fhear daoin’ a chuir gu bás, gun an seathamh áithne a bhriseadh? F. Do bhri’ gu ’n d’ orduigh Dia cuid do lochdaibh, gu sonruighte murtadh a smachduchadh le bàs, Gin. 9. 6. “Co air bith a dhoirteas fuil duine, bithidh fhuil sin air a dortadh le duine.” Ecsod. 21. 12. An “ti a bhuaileas duine gu bàs cuirthear gu bàs e’ gu deimhin.” Agus ata so air a dhaingneach a’ ann san tiomna-nuadh, Mat. 26. 52. Tais. 13. 10. C. Am fead an riaghlui’-fhear fear murtaidh a chaomhnadh, no maitheanas a thoirt dh’ a? F. Cha ’n fhead, oir thoirmeasg Dia è, Air. 35. 31, 33. “Cha ghabh sibhse dioladh air bith air son anam muirt-fhir, ata ciontach am bàs; ach cuirthear gu bàs è gu deimhin, oir ata fuil ag truailleadh an fhearainn, agus cha ’n fheadar am fearann a ghlanadh o ’n fhuil a dhoirtear ann, ach le fuil na ti a dhoirt i.” C. Cionnas ata é soilleir gu ’m feadar marbhadh a dheanamh ann an cogadh laghail? * ceartas. † tapoig no tubaist. [TD 292] F. Do bhri’ gu ’m bheil è air a dheanamh le ughdarras an ard-riaghlui’-fhir, aig am bheil barrantas faoi’ ’n Tiomna nuadh, an cloidheamh a thogbhail ann aghaidh luchd mi-ghniomh, Rom. 13. 4. Agus ata è air a dhearbhadh dhuinn gu tric, gu bheil oifig saidhid-fhear ag coi-sheasamh gu maith le fior dhiadhachd, Luc. 3. 14. Matth. 8. 9. Gniomh. 10. 1, 2. Agus 13. 12. Agus ata aithris mhòr-chliutach againn air na saighd’-fheara “Tri creidimh a bhuadhaich rioghachda, a dh’ fhas trein ann cath, a chuir air theicheach armailte nan coimheach,” Eabh. 11. 15. C. Cionnas ata é soilleir gu ’m bheil é laghail marbhadh a dheanamh ann am fein theasairgin, ’n uair a bheir luchd sladaidh agus murtaidh ionnsuidh oirne? F. O Ecsod. 22. 2. “Mo gheabhar gadaidh a’ briseadh tighe, agus gu buailthear gu bàs e’, cha doirtear fuil air a shon sin,” agus Luc. 22. 36‘ 38. Ata Chriost ag luidheasacha air a dheisciobuil, cloidheamh bhi aca, chum iad fein, a choimhid, ge nach feadadh iad feum a dheanadh dhuibh, ’n tra bha uair Chriost air teachd, agus ann an Sean. 11. 12. Ata gairm aguinn ar coimhearsnach a theasairgin ann cunntart, agus ni ’s mo gu mòr no sin, sinn fein. C. Ciod a bharail a dh’ fheadas sinn a thabhairt ’m an droing ata dortadh fola ann an * comhlannachd? F. Gur h iad mairtireach an diabhol, agus gur murt-fheara am fia’-nais De iad; oir ataid a’ gabhail orra fein a choir sin air dioghaltas ata Dia gu soilleir ag agairt dh’ a san, Rom. 12. 19. C. Ach mu thagras duin eile gu comhrag me, cionnas a dh’ fheadas me cul a chur ris gun m’ onoir a chall? F. Ann san chàs sin, ’s eigin dhuinn air ’n ainm agus ar creideas a chuir ann laimh Dhe, agus gun bhi air ar tarruing le barrailidh gaoitheil onoir, * comhrag aon fhilt, no eidear dias. [TD 293] gu eas-onoir a thoirt do Dhia le murtadh, no bhi ’g ar cuir fein suas ois cionn lagh Dhia agus dhaoine, agus le sin, bhi tilgeadh ar ’n anamaibh luach mhor a dh’ ionnsuidh an Diabhoil mar chobhartach. C. Nach do * throid Daibhi re Goliah ann an comhrag aon fhilt? F. Rinn è so, le ughdarras coit-chinn, ann an cogadh laghail air son leas a dhuthcha, air impidh Spiorad De, agus cha b’ ann o ardan, no ain-miann truaillidh air bith ann fein, oir ata Dia ag toirmeasg do na h uile dhaoine, bhi gabhail diolaidh a’s an laimh fein, Rom. 12. 19. C. Nach h é fein-mharbhadh murtadh as measa air bith? F. Is è; oir ann am murt’ air bith eile, feadaidh duin’ uin’ aithreachais fhaghail, ach ann am fein mhilleadh mu dh’ eugas è air ball, ata è basachadh ’n a pheacadh, gun uin’ aithreachais. C. Creud iad na nithe ata gu coit-chinn ag buaireadh dhaoine gu fein-mhilleadh? F. Bu mhio-fhoighidin faoi ’n chrois no an eas-onoir a thainig air, a thug air Ahithophel a dheanamh, 2 Sam. 17. 4. 5. B’ uathbhas coguis fuidh chionta, agus ain-earbs’ a trocair a thug air Judas a dheanamh, Matth. 27. 4. 5. B’ eagal claoidh agus bàs masluch o dhaoin’ eile thug air Saul a dheanamh, agus air fear coimhid a’ phriosuin an oirp’ a thabhairt, 2 Sam. 31. 4. Gniomh. 16. 27. C. Nach ’eil gach buaireadh leis am bheil daoin’ air am brosnuchadh gu fein-mhilleadh ann aghaidh gach deagh riosun? F. Ata, do bhri’ gu bheil è ro aimeadach agus mio-riosunta do dhaoinibh dol gu h an dana, chum doghruinn agus amhghair do labhairt, a mhairtheas gu brath, a sheachnadh trioploid so fhulang san t saoghal so, a rachadh seachad air ball. * chog [TD 294] C. Nach do chliuaich moran do na cinnich o shean fein-mhilleadh ann cuid do chasaibh mar ghniomh gaisgeil, agus * mòr mheamnuch? F. Am bithidh na daoine sin air an soillsicheadh le solus an t soisgeul, mheasa iad mar cheannairc agus mar thraillealachd do dhuine bhi ag briseadh phriosuin, no ag fagail an àite a dh’ orduigheadh dh’ a, gus am bithidh e air fhuasgladh gu saor le ard Thighearna san; seadh fòs mheasa iad duine na ghealtoireadh, aig an roibh cridhe tais, a theicheadh o dh’ fheuchain bheag a dh’ orduigh Dia, a nochda’ a threabhantais. C. Nach do mharbh Samson è fein, ann an leagail sios teampuil Dhagon, Breith. 16. 30. F. Cha roibh a run ann aghaidh anama fein, ach ann aghaidh naimhde Israel: os barr, rinn e so, mar bhreitheamh ann Israel air impidh Spioraid De, chum luchd muintir Dhe a theasairgin, agus cha b’ ann o an earbsa; uime sin cha ’n ’eil è mar eisempleir dhuinne. F. Am bheil an seathadh áithn’ amhain ag toirmeasg an t anam a bhuin asain fein, no as ar coimhearsnach gu direach? F. Ata i mar an ceadna ag toirmeasg gach ni a chuideicheas sin a dheanamh. C. Nach fead duine air an achd so, bhi ciontach ann am fein-mhilleadh, gun ghrad lamh a chuir ann fein? F. Feadaidh, 1. ’N uair a dhearmaideas, no dhiultas è biadh no cungaidh leigheis, no meadhona feumail chum anam a theasairgin. No. 2. ’N uair a bhithis è ciontach ann craos, no misg, no ann gne air bith do neo’-mheasarrachd. 3. ’N uair a bhios è ’g altrom do bron ann barrach, ro churam saoghalta, fearg pheacach, formad, no mianna cronail a thogbhas ea-slainte chorporra, Luc. 21. 34. Eccl. 2. 23. 24. agus 6. 2. Sean. 14. 30. agus 17. 22. * ard-inntineach. [TD 295] C Cionnas a dh’ fheadas duine bhi ciontach ann a anam fein a chur a mugha? F. Le bhi ag dearmad meadhona na slainte o ’n leith muigh, le bhi cur cul re Criost an aon chungaidh leigheis a mhain air son peacaidh, le bhi ag deanamh dimeas air gach rabhadh, comhairle, ags achdmhusan, agus ag dol air aghaidh gu crosanta ann slighe a pheacaidh, Sean. 8. 36. Esec. 18. 30. 31. Eoin. 5. 40. Sean. 6. 32. C. Cionnas a dh’ fheadas duine bhi ciontach ann murtadh thaobh dhaoin’ eile? F. Feadadh è bhi ciontach ann a’ murtadh thaobh an corpaibh, & an anamaibh mar aon, agus sin, ann smuain, am briathra, agus ann gniomhartha. C. Cionnas a dh’ fheadas duine bhi ’n a murt-fhear ann smuainteadh? F. Le bhi ’g altrom fearg pheacach, fuath, formad, togradh gu dioghaltas, le bhi ag dealbh, no ag aontacha le bàs dhaoin’ eile, 1 Eoin. 3, 15. “Gach uile neach a dh’ fhuathaicheas a bhrathair is murt-fhear è,” Mat. 15. 19. Oir ’s ann as a chridh, thig murtadh; faic mar an ceadna, Mat. 5, 21, 22, Sach. 8, 17. Eph. 4. 31. Gin. 37, 11, 20, agus 49, 6. Gniomh. 22. 20. C. Cionnas a dh’ fheadas duine bhi na murt-fhear ann am briathraibh? F. Le cul-chàineadh a choimhearsnaich, no le bhi gnathachadh briathra toi-bheamach ’n a aghaidh a bhios nan aobhar murtaidh, le bhi ’g a mhallachadh no guidhe uilc dh’ a; le bhi a’ brath air an neo’-chiontach, no toirt fiadhnais bhreige ’n a aghaidh, no bhi ag mionnachadh a chuir gu bàs, Mat. 5, 22. Eph, 4, 31. Sean. 12, 18, agus 15, 1. Sal. 57, 4, agus 64, 3. Jer. 18, 18. 1 Sam. 22. 9, 10, &c. 1 Riogh. 21, 10. 1 Sam. 25, 10, 11. Gniomh. 23. 12. C- Cionnas a dh’ fheadas daoine bhi na murt-fheara le ’n gniomhartha? [TD 296] F. Air iomad doigh, gu direach, agus gu neo’ dhireach, mar aon, le bhi ag bualadh, a’ lotadh, no gortuchadh corpaibh dhaoine, no le bhi ag deanadh ni air bith a chuideicheas am beatha a sgrios; le bhi ag sarachadh no sladadh nam bochd, no ag dearmad fuasgladh orra ’n uair a bhios iad ann cunntart bàis le gort, le bhi ag cur, nan neo’-chiontach gu bàs le samhlagh reachd, agus ceartais, le bhi ’g an cur ann àitibh cunntartach, chum a’ marbhadh, gun bhi ’g an teasairgin o ’n bhàs ’n tra’ bhios è ’n ar comas, le bhi ag dearmad an reachd a chuir ann gniomh ann aghaidh luchd murtaidh, agus le sin; gun caomhnaidh a dhortadh tuilleadh fola, Air, 35, 16, 17, 18, &c Esec. 22, 7. 2 Sam. 11, 15, agus 12, 9. 1 Riogh. 21, 12. Sean. 24, 11. Isa. 1. 15. C. Cionnas ata daoine ciontach ann an anamaibh dhaoin’ eil’ a mhurtadh? F. Le bhi ’g an coimhairleacha’, agus ag toirt àithne dhoibh an t olc a chuir ann gniomh; le bhi ’g an buaireadh, agus ’g an brosnuchadh chum peacaidh, le bhi cur droch eisempleir rompa; le bhi ag dearmad an peacadh a chronuchadh; no rabhadh a thoirt na aghaidh; ata ministeiridh ciontach air an doigh so, le bhi dearmad rabhadh a thoirt do pheacaich air an cunntart, no ag toirt teagasg neo’-fhallain dhoibh, 1 Sam. 22 18. 2 Sam. 13. 5. Sean. 7, 10. 2 Riogh. 10. 29. Lebh. 19, 17 Esec. 3, 18. 2 Phead 2, 1. C. Nach ’eil Dia ag toirt iomad dearbhadh dhuinn’ air an fhuath agus a ghrain shonruighte ata aige do ’n pheacadh so, murtadh? F. Ata, ann a àitheantaibh, agus ’n a bhagraibh na aghaidh, ann sgach ordugh teann ata è ag tabhairt ma smachduchadh, ann an rannsuchadh air fuil, agus ann sna meadhona iongantach, leis am bheil s e ’n a fhreasdal ag toirt murtaidh diomhair gu soillse, agus ann sgach breitheanas [TD 297] ata è toirt ’n a lorg, ’n uair ata daoine ’ga leigeil as gun smachduchadh. C. C’ ar son ata Dia ag toirt urraid fuath do mhurtadh? F. Do bhri’ gu ’m bheil è ag sgrios creatuir do rinneadh do reir Iomhaidh fein, agus creatuir a dhoirt Mac Dhe fhuil air a shon mar eiric. 2. Ata daoine le so à gabhail cumhachd, agus ughdarras Dhe orra fein, oir, ata è ag radh buineadh dioghaltas dhamhsa. 3. Ata è cosmhuil ris an Diabhol, a bha ’n a mhuirt-fhear o thoiseach: Agus air gach aobhar dhiu so, ata fuil na dream a theid a mhurtadh a’ ghlaoidheach gu h ard dioghaltas o Dhia air. Agus uime sin, bu choir do na h uile ’ta ciontach ann ceim air bith dheth, teicheadh gu luath chum fuil Chriost, chum sgu ’m fuigheadh iad tearmun agus glanadh, a’ guidhe saor me o chionta fola o Dhia, Gin. 9. 6. Rom. 12. 19. Eoin. 8. 44. Gin. 4. 10. Sal. 51. 14. Ceist LXX. Cia i an seachdamh àithne? F. Is i an seachdamh àithne, Na dean Adhaltrannas. Ceist LXXI. Creud iarrar san t seachamh àithne? F. Ata an seachdamh áithne ag iarruidh, coimhead do bhi aguin air ar geamnuidheachd fein, agus geamnuidheachd ar coimhearsnaich, ann ar cridhe, ann ar cainnt, agus ann ar beasaibh. C. Ciod an ni a’s luachmhora ’ta aguinn ’n taobh ’mach d’ ar beatha? F. Ar geamnui’-eachd. C. Co a’ gheamnui’-eachd ata ’n seachdamh àithn’ ag iarruidh oirn’ a choimhead? [TD 298] F. Ar geamnui’-eachd fein, agus geamnui’-eachd ar coimhearsnaich. C. Cia mar ’s coir dhuinn’ ar geamnu’-eachd fein, agus ar coimhearsnaich a choimhead? F. Ann ar cridhe, ann ar cainnt, agus ann ar beasaibh. C. Ciod ata air a chialluchadh le geamnuidheachd ann so? F. Cha ’n è posadh a sheachnadh, ach bhi ag seachnadh gach neo’-ghlanas, agus truaill’-eachd, co dhiu a bhios sinn ann staid phosda, no neo’-phosda. C. Am fead an dream ata pósda bhi geamnuidh? F. Feadaidh; oir, ata ’n t abstol ag cur mar fhiacha air mnai phosda, an caithe beatha bhi geamnuidh maille re h eagal, 1 Phead. 3. 2. C. Creud ata air a chialluchadh leis an gheamnui’ eachd ann cridhe, ann cainnt, agus am beatha a’s eigin dhuinn a choimhead? F. 1. Nach bi sinn ag altrom smuain, no togradh neo’-gheamnuidh no salach, ciod air bith cuideachd am bi sin. 2. Gur eigin d’ ar coluadar r’ a cheile bhi suidhighte neo’-thruaillidh, agus air nithe bhios chum leas a cheile. 3. Gur eigin d’ ar ’n uile cho luadar, * cruitheachd, agus gniomhartha, bhi geamnuidh, stuamadh, agus maiseach, mar bhuineas do chriostui’-ibh. C. C’ ar son bu choir dhuinn bhi co churamach a choimhead ar geamnui’-eachd? F. Do bhri’ gur creatuir riosunta, agus nach bruidibh sinn, gur criostuidhean, agus nach an-criostuidhean sinn; agus bu choir do chorpaibh nan criostuidhean bhi ’n an buill do Chriost, agus nan teampuill do ’n Spiorad naomh, agus uime sin bu choir dhoibh an coimhead fiorghlan agus naomha. Os barr dh’ àithn’ Dia gu soilleir, gu’ seachnamaid striopachas, agus gach uile neo- * iomchar. [TD 299] ghloineas, agus gu sealbheachamaid ar soitheach fein ann naomhachd & onoir, 1 Cor. 6. 15, 16, 18, 19. 1 Thess. 4. 3, 4, 5. Eph. 4. 17, 18, 19. Eph. 5. 3. C. Creud iad na meadhona leis an coimhead sinn ar geamnui’-eachd? F. Le creidimh agus urnaigh: Le faire air ar cridheachan, agus air ar suilibh; le measarrachd am biadh agus an deoch, le bhi saothrach ann ar gnothaichibh, le bhi tathach cuideachd gheamnuidh, agus le bhi ag seachnadh gach buaireadh agus fàth gu neomh-ghlanas, Gniomh. 15. 9. Mat. 6. 13. Sean. 4. 23. Job 31. 1. Jer. 5. 8. Gin. 34. 12. Sean. 2. 16. Gin. 34. 10. 1 Cor. 9. 27. Sean. 5. 8. Ceist LXXII. Creud ata an seachdamh áithn’ ag toirmeasg? F. Ata an seachdamh áithn’ ag toirmeasg, gach uile smuainte, briathra, agus gniomh neimh-gheamnuidh. C. Am bheil an àithne so ag toirmeasg gach smuainteadh agus togradh mio-nosach? F. Ata, Mat. 5. 28. “Ge b’e neach a dh’ amhairceas air mnaoi chum a miannachadh, rinn se adhaltrannas le cheana ’n a chridhe.” C. Nach ’eil adhaltrannas ann so r’ a thuigsin mu gach gne do neo’-ghloin? F. Ata. C. Am bheil an àithne so, ag toirmeasg gach comhradh draostadh, gach sugradh, agus oran mac-nosach? F. Ata, Eph. 5. 4. “Na draostachd no comhradh amaideach, no bao’-shugradh, nithe nach ’eil iomchuidh.” C. Creud iad na gniomhartha mi gheamnuidh, no neo ghlan ata air an toirmeasg ann so? [TD 300] F. Adhaltrannas, striopachas, tuilleadh is aon bhean a bhi aig fear, no tuilleadh is aon fhear a bhi aig mnaoi san aon am, eagnachadh, collnachd, sodomachd, agus gach ann-miann mio-nadurra; bhi ag toirmeasg posadh laghail, agus ag ceadughadh posadh mo-laghail; dealachadh, no treigsin eacorach, bhi ag conbhail, no ag ceadughadh tighean striopachais, agus gach aon ni ’ta cuideachadh; a cur air aghaidh, no ag toirt misnich do neo’-gheamnuidheachd, agus do neo’-ghloineas, Eabh. 13. 4. 1 Cor. 6. 18. Gal. 5. 19. Mal. 2. 14, 15, 16. Mat. 19. 5. Deut. 22. 25. Lebh. 18. 6, 20, 22, 23. Gin. 38. 9. Rom. 1. 24, 26. 1 Tim. 4. 3. Mar. 6. 18. 1 Cor. 5. 1. 2 Cor. 6. 14. Mat. 5. 32. 1 Cor. 7. 12, 13. Lebh. 19. 29. Jer. 5. 7. C. Co an dream ata ag toirmeasg posadh laghail? F. Na Papanaich, ata ag bacadh do ’n chleir posadh a dheanamh, agus dhoibhsin (mar a deir iad) aig am bheil daimh spioradail r’ a cheile, mar ata Dia-aithreacha agus Dia-mhaithearacha, agus a chlann ata iad a conbhail suas ann am baisteadh. C. Am bheil barrantas air bith aca o ’n sgriobtur air son an toirmeasg so? F. Cha ’n ’eil, oir ata an sgriobtur ag nochdadh gu ’m bheil am posadh laghail, agus onorach ann sna h uile, mar bha è air ordughadh le Dia roimh an leagadh; agus ata eisean ag diteadh bhi ’g a thoirmeasg, mar theagasg mearachdach. Os barr, bha na faidhibh, agus na sagairtibh a posadh faoi ’n t sean tiomnadh, mar bha Peadar agus abstail eile faoi ’n tiomnadh nuadh. Eabh. 13. 1. Gin. 2. 18, 22, 24. Lebh. 21. 7, 13. 1 Cor. 7. 2. 9. agus 9. 5. Luc. 4. 38. Gniomh. 21. 8, 9. 1 Tim. 3. 2, 4. C. Co ata ceadughadh posaidh neo’-laghail? F. Ata am Papa, air son airgiod ag ceadugha’ [TD 301] posaidh collnach, ’s e sin do ’n dream ata ann dlu’-dhaimh d’ a cheile, agus ann taobh stigh do na ceimibh ata air an toirmeasg le focal De. C. C’ áit’ am bheil na ceimeana daimh sin, ann sam bheil collnachd air a chur ann gniomh air an soilleireachadh? F. Ann, Lebh. 18. 7, 8, 9, &c, agus 20. 11, 14. Deut. 27. 20, 22, 23. C. Creud iad na càsaibh ann sam fead an dream ata air an ceangal am posadh, bhi air an dealughadh, no am posadh a sgaoileadh? F. Amhain air son adhaltrannais, agus treigeadh direasach toiteil, Mat. 19. 9. 1 Cor. 7. 15. C. Co ata ag teagasg atharracha’ so? F. Na Papanaich, ata ag cur rompa gu ’m feadar am posadh a sgaoileadh, ’n uair a chi am fear no a bhean iomchuidh dol a steach do † mhainister. C. Creud iad na gniomhartha no na nithe eile ata ag cuideachadh, ag meaduchadh, no toirt misneich do neo’-ghloineas, ata air an toirmeasg san áithne so? F. An leithidibh sin, meisg, craos, diomhaineas bhi ag tathach cuideachd aimeadach, bhi ’g eisteachd re comhradh, no re orain dhraostadh, bhi gnathachadh leabhraichean, agus dealbhain mac-nosach, cluichean & damhsa, sgeuduchadh mio-stuamadh, maille re suilibh agus iomchar braiseannach. C. Creud iad na h uilc ata sa pheacadh so, eadhon, neo’-ghloineas? F. Ata se ro fhuathach leis an Dia ata ro naomha, ata e ag iosluiche an duine o oirdheirceas a nadurra, agus ’g a chuir air an aon bhonn ris na bruidibh; is peac’ è ta mealladh dhaoine, agus ’g an tarruing a thaoibh, ata è ag dalladh na h inntin, ag fagail na coguis gun mhothachadh; ag † ionad ann druidear òighibh, &c. [TD 302] struidheadh na maoin, agus a chuirp; ag cur an deagh ainm fuidh dhroch bholtrach, agus ag cur an anama a’ mugha, ata è fòs a’ cur as do dha anam san aon am, 2 Sam. 11. 27. 1 Cor. 6. 15, 18, 19. Hos. 4. 11. Sean. 6, 26, 32, 33. Sean. 5. 8, 9, 10, 11. Eph. 5. 3, 4, 5. Tais. 13. 4. agus 21. 8. agus 22. 15. C. Creud na meadhona leis am fead sinn bhi air ar coimhead o ’n pheacadh so? F. ’S eigin dhuinn bhi re urnaigh re Dia air sgath Chriost, air son cridhe nuadh, chum fuath a thoirt do gach aon pheacadh, agus chum bhi air ar coimhead o bhuaireadh ’g a ionnsuidh, bhi seachnadh cuideachd mhio-nosach, agus bhi re faire air ar cridhe, agus ar suilibh, bhi cuimhneachadh gu ’m bheil an Dia uile leirsineach do ghna’ ag amharc oirne agus bhi gu tric a’ smuainteach air an teine lasarrach ata air a dheasuchadh do ’n dream ata ag lasadh le h ain-miannaibh feol-mhor. Ceist LXXIII. Cia i an t ochdamh àithne! F. Is i an t ochdamh àithne, Na dean gaduidheacd. Ceist LXXIV. Creud iarrar san ochdamh àithne? F. Ata an t ochdamh àithne ’g iarruidh gach cuideachadh laghail a dheanamh, chum ar saidhbhreas saoghalta fein, agus saidhbhreas dhaoin’ eile chur air aghaidh. C. Co an saidhbhreas agus a mhaoin m’ am bheil an àithne so ag labhairt? F. M’ ar saidhbhreas fein, agus saidhbhreas ar coimhearsnaich mar aon. [TD 303] C. Creud ata i ’g iarruidh oirn’ d’ an taobh sin? F. Bhi gnathachadh meadhona chum righeachd orra, agus an coimhead. C. Am fead sinn meadhona air bith a ghnathacha’ chum na criche so? F. Cha ’n fhead; ’s eigin dhuinn meadhona laghail amhain a ghnathachadh chum tairbh dhuinn’ fein agus do dhaoin’ eile. C. Am bheil an àithne so ag teagasg nach ’eil ionmhus coitcheann ann; ach gu’ m bheil coir aig gach duin’ air a chuid fein? F. Ata; oir am bithidh é air atharrach, cha bhitheadh feum air an àithne so; ni mo a dh’ fheadadh neach air bith a radh, is leamsa so, no ’s leatsa sùd, agus cha b’ urradh è deirc a thoirt do chach, cha ’n fhead ionmhus coitcheann a bhi ann, gun aontachadh nan sealbhadoirean, agus ann am, no ’n càs sonruighte, Gniomh. 4. 44. C. Am bheil é laghail bhi ’g iarruidh ar maoin shaoghalt’ a mheaducha’ ni as mo na ’ta i? F. Ata, Gin. 47. 15. Deut. 8. 18. Sean. 13. 11. C. Creud iad na criochaibh m’ am bu choir dhuinn bhi ’g iarruidh ar maoin a mheaduchadh? F. 1. Bu chuir dhuinn gloir Dhe a chur romhain, gu h airid, chum bhi comasach air onoir a thoirt dh’ a san le ’r maoin, agus chum ’s gu ’m bitheamaid air ar coimhead o pheacachadh ’n a aghaidh sin le mearladh no mionnan eitheich, mar ata è, Sean. 30. 8, 9. 2. Chum cuideachadh le daoin’ eile, Eph. 4. 28. 3. Chum sin fein agus ar teaghlaichibh a chonbhail o bhi draghail do chach. Agus faidheoidh chum diomhaineas a sheachnadh. F. Creud iad na meadhonadh as eigin dhuinn a, ghnathachadh chum ar saidhbhreas saoghalta fhaghuil, agus a mheaduchadh? [TD 304] F. ’S eigin dhuinn bhi dicheallach agus saothrach, ann an ceairdibh ionraic, agus laghail; bhi caithe ar beatha gu measurradh, agus gu geandadh, bhi riaghluchadh ar gnothaiche gu glic, agus gu crionna; bhi ’g earbsa a Dia air son a bheannuiche sin air ar ’n uile shaothair; bhi co’-thromach ann ar ’n uile ghnothaiche, bhi ullamh a leasachadh nam aim-beartach, meadhona iomchuidh a ghnathachadh chum righeachd air ar cuid fein, ach agartas lagha, agus urras neo’-fheumail a sheachnadh, 1 Cor. 7. 20. Gin. 4. 2. Sean. 10. 4. Eph. 4. 28. Tit. 1. 12. Sal. 112. 4. Sean. 10. 22. 1 Phead. 5. 7. Sean. 10. 6. agus 11. 24, 25. 1 Cor. 6. 1, 2, &c. Sean. 6. 1, 2. C. Am bheil e mio’-laghail do chriostuidhean feum a dheanamh do ’n lagh chum an cuid fein a dhion, no chosnadh? F. Cha ’n ’eil. C. Nach ’eil an t abstol ’g an cronachadh chionn bhi dol chum an lagha le cheile, ag radh, “C’ ar son nach b’ fearr libh an eacoir fhulang”? 1 Cor. 6. 7. F. Ata è san àite sin ’g an cronachadh chionn dol chum dlighe, le nithe beag, agus suarach ann lathair riaghluidh-fheara nan cinnich, agus ag innseadh dhoibh gu ’m b’ fhearr dhoibh cordadh ’n am measg fein; no an eacoir fhulang, no le ’n consachadh oil-bheum a tharruing air an cridimh naomha, agus bhi nan ceap-tuisle do na cinnich chum am bacadh o ’n chreidimh chriostuidh. C. Nach ’eil Criost ag radh, Mat. 5. 40. “An ti ler b’ aill thusa thagradh san lagh, agus do chota a bhuin diot, leig leis do chloca fos? F. ’S e an seagh ata aige ann sin, gu ’m b’ fhearr dhuinn dealuchadh re cuid do nithe suarach, mar chota no cloca, no bhi ’g ar cuibhreachadh fein le agartas lagha doilgheasach, ach cha ’n è gu ’m bu choir dhuinn leigeil do dhaoin’ eile cuir as dhuinn’ ’n uair ata Dia ’g ar beannughadh le deagh reachdaibh chum ar dion. [TD 305] C. Am fead sinn bhi ’g iarruidh an t saoghail so mar ar ’n ionmhas? F. Cha ’n fhead, ach mar chuideachadh fuidh laimh Dhia ann ar ’n astar chum saoghail a’s fearr, ’s eigin dhuinn ar ’n ionmhas a thasgaidh air neamh, agus cuibh-roinn a dheanamh cinnteach dhuinn fein ann sin gu siorruidh. C. Nach bu choir dhuinn bhi ullamh chum congnamh a dheanamh le bain-trea’-chaibh, agus le di-dleachdaibh bochd, le ’r ’n airgiod, agus coinghioll a thoirt dhoibh sin ata na fheum? F. Bu choir, Seam. 2. 27. Sal. 112. 5. C. Ciod as eigin dhuinn’ a dheanamh chum saidhbhreas dhaoin’ eile mheaducha’, agus a chur air aghaidh? F. Bu choir, dhuinn bhi fior agus co’-thromach ann ar ’n uile ghnothaiche, re daoin’ eile agus an ni ata dligheach a thabhairt do gach neach. Bu choir dhuinn feadail ar coimhearsnaich a choimhead, agus a thoirt dh’ a ma bhios i ’n ar laimh; bhi miannuchadh, is ag iarruidh a shoirbheas co maith re ar soirbheas fein, agus a dheanamh dhoibh ann ’s gach aon ni mar a b’ aill leinn iad san a dheanamh dhuinne, Sal. 15. 2. 4. Sach. 8. 16. 17. Rom. 13. 7. Lebh. 6. 2. 3, &c. 1 Cor. 10. 24. Mat. 7. 12. Ceist LXXV. Creud ata air a thoirmeasg san ochdamh áithne? F. Ata an t ochdamh àithne ag toirmeasg, gach ni air bhith a bhacas ar saidhbhreas saoghalta fein, no saidhbhreas ar coimhearsnaich gu h eacorach. C. Creud ata air a chialluchadh le gadui’-eachd am peacadh ata air a thoirmeasg ann so? F. Bhi ag deanamh eacoir oirn fein, no air [TD 306] daoin’ eile, ann a’ maoin shaoghalta, agus bhi gnathachadh meadhona mio-laghail chum an saoghal a chosnadh. C. Cionnas a dh’ fheadas sinn eacoir a dheanamh air ar maoin shaoghalta fein, agus le sin goid a dheanamh oirn fein, agus air ar teaghluichibh? F. Le diomhaineas, leisg, agus neo’-churam ann ar gnothaichibh; le bhi ’g ar ceangal fein gu h obain ann urras, agus le co’-mhalairtibh aimeadach, le struidheachd, agus an-caitheamh ann cuideachd mhas-nosach, le sgeuduchadh luachmhor, le cluichibh, agus an leithidibh sin, 2 Thess. 3. 11. Sean. 18. 9. & 23. 21. & 22. 26, 27. & 28. 19. & 21. 17. C. Am peacadh do dhaoinibh bhi gabhail teachd an tir ois ceann an teachd a stigh? F. ’S eadh, oir le so, ataid ag sgrios am maoin fein, ag bacadh an carthanachd, agus a cur as do mhaoin dhaoin’ eile mar an ceadna. C. Nach ’eil e na pheacadh ann aghaidh an ochdamh àithne’ bhi gnathachadh meadhona, no slighe mhio-laghail, chum righeachd air storas, no chum sinn fein agus ar teahluch a chonbhail suas? F. Ata; oir cha ’n fhearr so na gadui’-eachd, & eas-ionracas am fiadhnais De, ciod air bith cealtrach a chuirthear air nithe le sgaile ciatfach ann lathair dhaoine. C. Creud iad nà doighibh mhio-laghail leis am bheil daoin’ ag deanamh storais, agus a’ conbhail suas an teaghluichibh? F. An leichidibh sin, eadhon, curam, agus saothair an barrach, sannt, cabhag gu bhi beartach, bhi ro theann, cluichean, ocar, ceannach iomlan air airneis, bhi cur re marsantachd mhio-laghail, gun chios a thabhairt, breugan, mionnan eitheich, briseadh na Sàbaid, brib a ghabhail, no thabhairt, Simonachd, bhi ag reic aifriona, maitheanas agus aontachadh le athchuinge, ceardain, agus [TD 307] eallannadh mhio-laghail, no le bhi gnathachadh slighe air bith a mhealladh dhaoin’ eile chum airgiod a chosnadh. C. Cionnas ata sannt ann aghaidh an ochdamh àithne? F. Do bhri’ gu bheil an duine sanntach ciontach ann goid o mhòran; 1. O Dhia agus o eaglais sin, ann an dearmad ni air bith a thoirt chum feuma diadhaidh. 2. O choimhearsnach, ann bhi ag diultadh congnamh dheanamh leis ’n a theanndach. 3. Uaithe fein, agus o theaghlach’ le bhi ag conbhail co’ fhurtachda feumail na beatha uapadh, ata na nithe so uile ann aghaidh, Sean 3. 9. Mal. 3, 8, 10. 1 Cor 9, 14. Gal. 6, 6. Isa. 58, 7. Eccl. 4, 8, & 6, 2. Tim. 5, 8. C. Nach ’eil daoine dulchannach iargolt aig nach ’eil cridhe dheanadh feum do na nithe ata aca a’ peacacha gu mòr? F. Ata; oir ataid ’g am mealladh fein, agus an teaghluichean o fheum agus o cho’-fhurtachd nan nithe maith a dheonuigh Dia dhoibh, agus mar sin cha ’n fhead iad buidheachas a thoirt dh’ a air son a thoirbheartais, ataid neo’-sheirceil do ’n dream ata uir-easbhui’-each; oir an ti nach gabh an ni bhios iomchuidh dh’ a fein, cha toir è tuilleadh speis do neach eile na bhios aige dh’ a fein, ataid cronail do ’n linn ann sam bheil iad, agus do ’n phobull ata ’n a measg, oir am bithidh na nithe, sin ataid sin ag carnagh suas aig daoin’ eile, gheabhadh na bochdan obair, agus dheantadh maith do ’n t sluagh choitcheann Eccl. 4, 8, agus 6, 2. 1 Tim. 5, 8. Sal. 37, 3, 26, 27. Job 27, 12, 13, 14, 15, 16. Sal. 112, 3, 5, 6. C. Am bheil è mio-laghail bhi cosnadh airgiod le òcar? F. Ata; Sean. 28, 5. Sal. 15, 5. C. Ciod è ris an abair thu ócar? F. Bhi gabhail buannachd mhio’-laghail air son airgiod coinghiol. [TD 308] C. Am bheil è laghail riabh a ghabhail air son airgiod? F, Ata ’n uair a ghabhar è do reir reachd na rioghachd, agus on dream ata toirt buannachd as, le mallairt, no le ceannach fearainn, do bhri’ gu bheil è co cho’-thromach do ’n fhear airgiod buannachd iarruidh is ata e do mhaighisdir fearuin bhi ’g iarruidh mail o’n tuathnach, oir feadar airgiod a mheaduchadh, mar dh’fheadar fearann a leasuchadh. C. Creud i an tairbh mhio’-laghail air son airgiod ris an abrar ócar? F. Bhi gabhail buannachd air son airgiod o na bochdan, ata ’g iarruidh coingheil nam feum anbarrach, no gabhail nithe feumail mar gheall-barrantais uapadh air a shon; no bhi gabhail tuilleadh tairbh, na ’ta lagh na rioghachd a ceuduchadh, mar ’ta ’n dream ata gabhail deich, cuig deug, no fichead a’s a cheud, Ecsod. 22, 25, 26. Deut. 24, 12, 17. Esec. 18. 7, 8. C. Ach do bhi clann Israel air an toirmeasg o Ocar, no tairbh àir bith a ghabhail o ’m brathraibh air son airgiod coingheoil? F. Is cosmhuil gu roibh an reachd so sonruighte do na h Iudhaich, do bhri’ gu roibh am fearann sin air a roinn, air a shuidheachadh, agus air a dhaingeachadh le bliadhna na jubile, agus do bhri’ nach roibh iad re malairt, no ceannach fearainn mar bha daoin’ eile, cha roibh fàth aca air airgiod coinghioll a ghabhail, ach air son feum an teaghlachaibh sa cheart am ach mu na coigreich aig an roibh seol eil’ air teachd an tir, bha è air a cheudacha do chlann Israel airgiod a thabhair air òcar dhoibhsin, agus co’-pairt fhaghail do ’n bhuanntachd, Deut. 23. 20. Agus ata e ag nochda nach’ eil’ riobh ghabhail foirneartach ann fein, oir ata iad san gu tric air an toirmeasg o bhi deanamh foirneart air coigreichibh, agus gidheadh [TD 309] ata e air a cheuduchadh dhoibh òcar a ghabhail uapadh, Ecsod. 22, 21, agus 23, 9. C. Ciod a’s seagh do cheannach iomlan ata air a thoirmeasg ann so? F. Bhi ag ceannach suas cuid do airneas gu h iomlan, gu sonruight arbhar, agus lòn n am bochd chum luach mòr fhaghail air ann diaidh laimh, Sean. 11, 26. “Malluichidh am pobull an ti a ghleidheas arbhar air ais, ach bi beannuchadh air ceann na ti a reiceas è.” C. Ciod an cron ata ann am marsantachd neo’-laghail? F. Ata so ag diultadh cis a thabhairt dhoibhsin d’ am bheil i dligheach; o’s barr ata iomad peacadh eil’ gu coitchinn na cho’-chuideachd, mar ata mionnan eitheich, bribeachd, breugan, briseadh Sàbaid, dortadh fola, &c. C. Creud ata air a chialluchadh le bribeachd ata air a thoirmeasg ann so? F. Bhi gabhail no ag tabhairt bribe, no gibht a chlaonadh ceartais, Sean. 17, 23. “Gabhaibh duin’ aingidh tiodhlac a’s an uchd a chlaonadh a bhreitheanais.” C. Creud ata air a theagasg le simonachd ata air a thoirmeasg ann so? F. ’S e’ sin, bhi ag ceannach, no ag reic oifigibh no ionadaibh luchd teagaisg, no nithe spioradail eile, air son airgiod, gniomhartha maith, no deadh-ghean eile, gnathachadh ro ghraneil; oir is comharth’ e’ gur e run an luchd ceannaich airgiod a dheanadh dheth. Ata spiorad Dhe ’g a chomharthach’ amach mar pheacadh ro uathmhoradh, oir ata e na sgriosadh air gach fior dhiadhachd. Deirir simonachd ris o ’n duin’ aingidh sin, Simon Magus, Gniomh 8, 18, 19.—“Thairg se airgiod dhoibh, ag radh, thugaibh dhamhsa mar an ceadna an cumhachd so, ge b’ e neach air an cuir me mo lamhan gu ’m fuigh se an spiorad naomh.” [TD 310] C. Co ata ag reic maitheanais, deagh-ghean agus aifrionna? F. Ata na sagairtibh Papanach ’g a dheanamh, so, air son airgiod, cosmhuil ris na Pharaisiche, bha fuidhe sgaile urnaighean fada, ag slada tighean bhantracha’ Mat. 23. 14. Mar so, ata na sagairte faoi sgaile urnaighean fhada air son na marbh, agus le aifrionna anam, ’g an deanamh fein saidhbhear, le bhi slada tighean bhantra’-cha agus dhilleachdaibh, Tais. 18. 13. C. Co an dream ata gnathachadh ceardaibh agus eallannaidh neo’-laghail a chosuadh airgiod? F. Iadsan ata re Reubain air an ròd mhòr, gadui’-chean, luchd gleidheadh tighean striopachais, stais-chleasaichean, laimh-chleasaichean, fiosaichean ocaraich, marsantachd gun chis a thabhairt, luchd ceannach iomlan a mhargaidh, cluich-fheara, agus iadsan ata re cosnadh air cairtibh, agus air disibh, agus an leithididh sin, do chroinn-chluichibh. Mar an ceadna iadsan ata toirt oidheachd d’ an leithid sin do dhaoinibh nan tighean, no ag suidheachadh tighe orra, agus gu sonruighte, na h oist-fheara, ata air ghaol airgiod ag toirt oidheachd do mheisg-fheara, do chuideachd mhac-nosach, do ghaduichibh, do luchd briseadh Sàbaid, agus an leithid sin do chuideachd chronail. C. Cionnais ata daoine ciontach ann am briseadh na h ochdamh àithne le bhi goid o dhaoin’ eile gu soilleir, no le eacoir a dheanamh orra ann a maoin shaoghalta? F. Os-barr air na dh’ ainmeachadh cheanna, ata daoine ciontach ann so, le gadui-eachd Reubain, slad-dhuine, gabhail re mearlaich, agus re nithe bradach, mealtoireachd, ann am marsantachd, agus mi-dhisleachd ann an coi’ cheangail, agus ann an gnothaichibh a dh’ earbar re daoinibh bhi breugach ann geallaibh, bhi cur ann aghaidh ain-fhiach dligheach, agus ag diultadh a dhiol- [TD 311] adh, agartas lagha doilghiosach, agus bhi gabhail iasachd nach urradh sin a dhioladh, bhi conbhail ni air bith a theid ar seachran, no bhios air chall, no a ghabh sinn gu h eacorach, gach foireigneadh agus sarruchadh, paircean eacorach, agus fasachadh air fonn, atharrachadh air criochaibh fearainn, naomh-ghaoid, bhi deanamh eacoir air a chuinne, bhi ag diultadh na cis coitchinn, bhi ag conbhail an tuarasdail o luchd oibreadh agus o shearbhanta, bhi ag diultadh na cis coitchinn, bhi ag taghach ain-fhiach le ain-iochd, agus le bhi ag druideadh ar cluasaibh re glaodh nam bochd, Eph. 4. 28. Sal. 62. 10. 1 Tim. 1. 10. Sean. 29. 24 1 Thess. 4. 6. Sal. 37. 21. Luc. 16. 12. Hos. 4. 1 Deut. 22. 1, 2, &c. Sean. 3. 28. 29, 30. 1 Cor. 6. 6. Luc. 19. 8. Esec. 22. 12. 29. Lebh. 25. 17. Isa. 5. 8. Mic. 2. 2. Sean. 23. 10. Rom. 2. 22. Mat. 22. 21. Rom. 13. 6, 7. Lebh. 19. 13. Mat. 18, 28. Sean. 21. 13. Deut. 15. 7. C. Ciod i a mhealtoireachd ann am marsantachd ata air a toirmeasg ann so? F. Bhi ag mealladh agus ag dol ’m an cuairt air daoin’ eile ann reic, agus ann ceannach? bhi tarruing buannachd o ’n ain-eolas, no o ’m feum, bhi ’g an caradh le breugan, bhi le ceilg ag cliuachadh an ni a bhios iad ag reic, agus re tair air an ni a bhios iad ag ceannach, bhi reic nithe olc air son nithe maith, bhi gnathachadh cud thromadh & tomhaisin eacorach, bhi ag gabhail priosaibh mi riaghuilteach, bhi gu h uaigneach a deanamh cron air daoin’ eile m’ um marsontachd, le bhi tarruing an luchd ceannaich uapadh, no ag deanadh ea-coir ain an creideas, Lebh. 25. 14. Sean. 20. 14. Lebh. 19. 35, 36. Deut. 25. 13, &c. Sean, 11. 1. Amos 8. 5, 6. Sean. 28. 22. 1 Cor. 13. 4. Phil. 2. 4. C. Creud e am peacadh naomh-ghaoid ata air a thoirmeasg ann so? F. Reubain, no nithe thoirt air falbh o Dhia, agus o eaglais sin a bhuineas gu dligheach dhoibh, [TD 312] no feum eile dheanamh do ni air bith a choisreigeadh chum feumaibh naomh; ni ata gabhail a steach ann, a measg nithe eile luchd teagaisg dearmadach, nach ’eil a’ gabhail comhnuidh maille r’ an pobull, bhi deanadh sladadh air coi’-thionnailibh criostaidh, ann sa choir ata aca air an luchd teagaisg fein a ghairm, Mal. 3. 8, 9. Sean. 20. 25. Josh. 7. 20, 21. 2 Chron. 28. 21. 2 Tim. 4. 2. 1 Phead. 5. 2, 3. Gniomh. 1. 23. agus 6. 3. Jer. 23. 1, 2. C. Am bheil gadui’-eachd ag treorachadh gu beartas? F. Cha ’n ’eil; ach ag tarruing gu bochduin; oir ata malluchadh Dhe ann aghaidh a ghadui’-che, Sean, 5. 2, 4. C. Nach ’eil an gadui’-che ann dlu-dhaimh re luchd Dia aich-sheun? F. Ata; do bhri’ gu ’m bheil se le ghniomhartha ag aich-sheun uile-latharachd, agus uile-leirsineachd Dhe agus gur h e am breitheamh co’-thromach a ghairmeas gu cunntas è. C. Nach eigin do na h uile ata ciontach ann eacoir a dheanamh air daoin’ eile na maoin, aithreachas, & coi’-leasach a dheanamh, mar a b’ aill leo trocair fhaghail o Dhia? F. ’S eigin, Lebh 6. 4. Esec. 33. 15. Luc. 19. 8. Ceist LXXVI. Creud i an naothadh àithne? F. Is i an naothadh àithne, Na tabhair fiadhnais bhreige ’n aghaidh do choimhearsnaich? Ceist LXXVII. Creud iarrar san naothadh àithne? F. Ata naothadh àithn’ ag iarruidh an fhirinn eidear duin’ agus duine; agus ar deagh ainm fein, agus deagh ainm ar coimh- [TD 313] earsnaich a sheasamh, agus sin gu sonruighte am fiadhnais a dheanamh. C. Cia lion dleasdanas ata naothadh áithn’ ag iarruidh ata air an ainmeachadh ann san fhreagradh? F. Ceithir, eadhon, 1. Bhi ag coimhead agus a’ cur na firinn air a h aghaidh, eidear dhuin’ agus dhuine. 2. Bhi ag seasamh air deagh ainm fein, agus ’g a chuir air aghaidh. 3. Bhi ag coimhead agus a’ cur deagh ainm ar coimhearsnaich air aghaidh. 4. Bhi curamach mu na nithe sin uile, gu sonruighte am fiadhnais a dheanamh. C. Ach c’ ar son gu sonruight’ ann am fiadhnais a dheanamh? F. Do bhri’ gu bheil iartas aguinn’ ann sin air doigh fhoilleiseach an fhirinn innseadh, mar ata sinn ann lathair breitheamh air ar mionnan, leis am bheil sinn a’ gabhail Dhia mar fhiadhnais. C. Cionnas bu choir dhuinn an fhirinn a choimhid & a sheasamh a’ measg dhaoine? F. Le speis a thabhairt do ’n fhirinn, bhi ga labhairt gu neo’-mheangail, agus ’g ar nochdadh fein as leith na firinn, agus le bhi toirt breith agus reite do reir na firinn, Sech. 8. 19, 19. Sean. 31. 8, 9. Ecsod. 18. 21. Sal. 15. 2. C. C’ ar son ata iartas aguinn an fhirinn a labhairt gu neo’-mheangail? F. Do bhri’ gu bheil an Diabhol agus droch dhaoin’ air uaireadh ag labhairt na firinn le droch run, Mar. 1. 24. 1 Sam. 22. 9, 10. C. C’ ar son bu choir dhuinn ar deagh ainm fein a choimhead, is a chuir a’ mead? F. Chum ’s gu ’m bitheamaid comasach air Dia a ghloruchadh, agus air an tuilleadh maith a dheanadh ’n ar la, agus ’n ar linn. C. Nach ’eil droch iomradh air daoine ag bacadh a’ mhaith a dh’ fheadadh iad a dheanamh? F. Ata. [TD 314] C. Co gu sonruighte d’ am buin an deagh ainm fein a choimhead? F. Riaghlui’ fheara, ministeiridh, agus luchd na h aidmheil. C. An e bhi ’g ar cliuachadh fein, no le bhi giulan gu h uaibhreach an t slighe chum ar deagh ainm a choimhead agus a sheasamh? F. Cha ’n e, ach na àite sin, san a thairneas iad eas-onoir orra. C. Ciod as coir dhuinn a dheanamh chum deagh ainm fhaghail? F. ’S eigin dhuinn bhi iriosal, neo’-lochdach, measarradh, macanta geamnuidh, agus co’-thromach: seasmhach r’ ar focal; bhi co’-stàch do chach, ann aon fhocal, bhi cur ann gniomh “Ge b’ e nithe ’ta fior, ge b’ e nithe ’ta onorach, no airidh ghraidh, no ionmholta,” Col. 3. 12. Phil. 2. 15. agus 4. 8. C. Nach bu choir dhuinn bhi ag seasamh ar deagh ainm fein, ’n uair a mhasluichear sinn? F. B’ eadh, ach sin a dheanamh le macantas, agus bhi ullamh a thoirt maitheanais dhoibhsin a mhasluicheas sinn. C. Ciod e mar fuigh sinn eisteachd no creideas? F. ’S eigin, dhuinn a chuis earbsa ris an ti ata toirt breitheanas ann ceartas. C. Ciod ata mar fhiacha oirne ann an deagh ainm ar coimhearsnaich a sheasamh? F. Bu choir dhuinn meas dligheach a bhi aguinn do gach ni maith a chi sinn m’ an timchioll, agus so a nochdadh gu toileach ann am iomchuidh chum misneach a thoirt dhoibh ann an slighe an Tighearna; bu choir dhuinn bhi ullamh a thoirt eisteachd d’ an deagh iomradh; bhi ag cleith am faileanaibh, bhi toirt mi-mhisneich do chogarsnaich, bhi labhairt gu maith air an cul, agus bhi seasamh nan leithsgeul, ’n tra’ bhios fios aguinn gu bheil an eacoir ga cuir as an leith, Phil. 2. 3. [TD 315] Eabh. 6. 9. Rom. 1. 8. 1 Cor. 13. 6. Sal. 15. 3. Sean. 25. 23. Sean. 17. 9. 1 Sam. 22. 14. C. Ach ciod a bu choir dhuinn a dheanamh ’n uair a bhios an droch iomradh a chluinn sinn air ar coimhearsnaich fior agus cinnteach? F. Bu choir dhuinn bhi fuidh dhoilghiòs m’ an faileanaibh, agus le ’r ’n achdmhusan, le ’r comhairle, agus le ’r ’n urnaigh, gach ni a bhios ’n ar comas a dheanamh, chum an leasachadh, chum ’s gu ’m bithidh an deagh ainm air aiseag dhoibh air-ais, 2 Cor. 2. 4. Mat. 18. 15. &c. Ceist LXXVIII. Creud ata air a thoirmeasg san naothadh àithne? F. Ata an naothadh áithn’ ag toirmeasg, gach ni ata cur leath-trom air an fhirinn, no ni eacoir air ar deagh ainm fein, no deagh ainm ar coimhearsnaich. C. Creud iad na h uilc ata air an toirmeasg leis an àithne so, ata air an ainmeachadh ann san fhreagradh? F. An triuir sin, eadhon, 1. Bhi ag radh no deanamh ni air bith ata cur leath-trom air an fhirinn. 2. Bhi ag radh no deanamh ni air bith a ni eacoir air ar deagh ainm fein. 3. Bhi ag radh no deanamh ni air bith chum eacoir do dheagh ainm ar coimhearsnaich. C. Creud iad na nithe ata air an ainmeachadh ann so, ata mar leath-trom air an fhirinn? F. Bhi ag deanamh eacoir air an fhirinn, no air doigh air bith a cur na h aghaidh ann an cuirtibh ceartais; bhi ag labhairt gu neo’-fhireanach, bhi re breugan, no ’g an innseadh air doidh air bith, bhi gu doilleir da sheaghach ’n ar labhairt, bhi ag fiaradh na firinn, a’ briseadh ar geallaibh agus an leithidibh sin. [TD 316] C, Cionnas ata daoin’ ag deanadh eacoir air an fhirinn ann cuirtibh ceartais? F. Ata daoin’ ag deanamh so, le bhi a’ brath air daoin’ eile, no ’g an casaid gu h eacorach: mar an ceadna, leis an ti a bhitheas air a chasaid, ann bhi ag aich-sheun an ni ann sam bheil è ciontach, bhi ag fastadh agus a’ cur suas fiadhnaiseadh breige: le fiadhnaisibh bhi ag cleith, no ag atharrachadh dreach na firinn, no le fiadhnais bhreig a thabhairt, le bhi tagradh ann aghaidh na firinn, no air son cuisibh eacorach, le sgriobhadh fealtach; le bhi fiaradh briathraibh dhaoine gu seagh mearachdach; le tosd neo’-iomchuidh ann cuis cheart, no mi-dhisleachd as a leith; le breith ea-corach a thoirt amach, bhi fireanachadh nan ciontach, agus ag diteadh nan neo’-chiontach, Luc. 23. 2. Gniomh. 24. 2, 5. Gin. 4, 9. Gniomh. 6. 13. 1 Riogh. 21. 13. Isa. 5. 23. Sal. 119, 69. Lebh. 5. 1. 2 Tim. 4. 16. Isa. 10. 1. Sean. 17. 15. agus 31. 8, 9. C. Am bheil gach neach ata labhairt ni nach ’eil fior ciontach am breug? F. Cha ’n ’eil, ma ’ta è smuainteachadh da rireadh gu bheil an ni ata è labhairt fior, ge do si a bhreug a bhios ann. C. Ciod i ma ’ta ris an abair thu breug? F. Duine bhi ag labhairt an ni nach ’eil fior le fhios, agus ’g a h innseadh le run chum mealladh. C. Ciod an cron ata am breugan? F. 1. Is peacadh è ’ta ro fhuathach le Dia, neach is è Dia na firinn. 2. Ata e ag cuideachadh, gach deagh chompanas agus malairt a sgriosadh a’ measg dhaoine, 3. Ata è ag deanamh dhaoine nan cloinn do ’n Diabhol, oir is breugoire è agus ’s e Athair nam breug, Sean. 6. 17. Eoin. 8. 44. Deut. 32. 4. C. Nach ’eil Dia a’ taisbean a dhiom gu mor ann aghaidh a pheacaidh so? [TD 317] F. Ata; agus sin ann san t saoghal so fein, oir bhuail Dhia Ananias agus Sapphira le builleadh bàis, agus a bhreug nam beul. C. Ciod é as cuibhroinn do na breugairibh san ath-bheatha? F. Gheibh na breugairibh uile an cuibh-roinn maille re Athair nam breug, ann san loch ata dearg-lasadh le teine & pronnasg, oir a dubhairt Dia è, Tais. 21. 8. C. Nach h e breugaire ma ’ta aon do na h ainmibh as measadh’ fheadar a radh re duine? F. Is è, agus uime sin, bu choir dhuinn a sheachna’ gu curamach. C. Ach ciod e ma thoilleas an neach ris an abrar è an t ainm so? F. Ann sin bu choir dhuinn doilghios a bhi oirn air a shon, agus achdmhusan a thoirt dh’ a, cha ’n ann am feirg chum a chuis a shoilleireacha’, ach le macantas chum a leasachadh. C. Nach fead duine breug innseadh chum anam fein, no anam a choimhearsnaich a theasairgin? F. Cha ’n fhead; oir cha ’n fhead sinn olc a dheanamh chum s gu ’n d’ thig maith as, os barr, cha ’n fhead sinn breug a dheanamh, ge do b’ ann chum gloir Dhe a chuir air a h aghaidh, Job 13. 7. Rom. 3. 7, 8. agus ge do fhailnigh cuid do na naoimh air am bheil aithris aguinn san sgriobtur air an doigh so, cha choir dhuinn an eisempleir a leanntain, ach gluasachd do reir na h àithne, C. Ciod i do bhar’ail mu theagasg agus gnathachadh timchiollach iomad sheachach nam Papanach, agus gun an gealladh a chonbhail re * eirceachaibh? F. Gu ’m bheil iad ro ghraineil. C. Ciod i do bharrail m’ an dream a ni breugan ann a macnos chum sugraidh do chach? F. Ata Dia ag radh amadainibh riu, ata ag deanamh maguidh fa ’n pheacadh, Sean. 14. 9. * luchd mearachd bar’-ail. [TD 318] C. Creud iad na nithe ata nan eacoir air ar deadh ainm fein, ata air an toirmeasg leis an naothamh áithne? F. An leithidibh sin, eadhon, meas no iomradh ro mhor, no rn shuarach oirn fein; miodal, boast, & raiteaehas; bhi ’g ar casaid fein ann san ni ann snach ’eil sinn ciontach; bhi ag ann-tromachadh nan lochdaibh as lugha; bhi gabhail leith-sgeul a pheacaidh, no ’g a lughdachadh ’n uair ata gairm aguinn aidmhicheadh gu saor, bhi ag aich-sheun nan gibhte agus na grasaibh a thug Dia dhuinn, bhi ag nochdadh ar’n anmhuinneachdaibh gu h obain, ann lathair nan aingidh; bhi ag labhairt no deanamh ni air bith a bhios na mhi’-chliu air ar deagh ainm, Rom. 12. 16. Luc. 18. 11. Ecsod. 4. 10. 2 Tim. 3. 2. Sal. 12. 3. 1 Cor. 13. 4, 5. Mat. 7. 3. Sean. 28. 13. Gin. 3. 12. 13. Job 27. 5. Col. 2. 18. Sean. 14. 34. C. Creud iad na nithe ata air an toirmeasg ann so, ata deanamh eacoir air deagh ainm ar coimhearsnaich? F. Gach toi-bheum, cul-chàineadh, masluchadh, anchaint, bhi ag togbhail, agus a’ sgaoileadh dròch iomradh, bhi ag diteadh le breith obain. Cogairich, iomchar sgeul, bhi gabhail gniomhartha, briathra, no run dhaoine ann seagh mearachdach; gun bhi ag cleith am * faileanaibh, bhi ag druideadh ar cluasaibh an aghaidh an coir a sheasamh, gun bhi ag taisbean an neo’-chiont ’n tra’ bhios sin fiosrach air; bhi ag labhairt na sirinn le droch run dhoibh; bhi re gairdeachais m’ an eas-onoir, bhi re sgeig, agus di meas fanoideach; bhi toirt mor-chliu do chuid, chum tair agus mi-chliu a chuir air dhaoin’ eile: Sal- 50. 20. Job 9. 3. Sal. 15. 3. Seam. 4. 11. Rom 3. 8. Sal. 69. 10. 1 Sam. 1. 13, 14. Gniomh. 7. 57. 1 Sam. 22. 9. Jer. 48. 27. Sal. 35. 15. 16. Gin. 21. 9. Jude 16. * anmhuinneachd. [TD 319] C. Ge nach fead sinn sgeul breugach a thogbhail, gidheadh, ge nach fhead sinn aithris ann diaidh a chluinntin? F. Cha ’n fhead; oir is e sin bhi ’g a sgaoileadh, uime sin, ge do bhitheadh sgeul breagach air a leagail aig ar cosaibh cha bu choir dhuinn bhi toileach a thogbhail, Sal. 15. 3. C. Nach bu choir dhuinn mi-mhisneach a thoirt do luchd cul-cháineadh, agus iomchar sgeul? F. B’ eadh, oir ataid ag cur eas-cordadh eidear bhraithre, agus a’ dealuchadh dearbh chairdean: agus feadaidh sinn bhi amharasach gu ’m bi an dream a bheir sgeul ’g ar ’n ionnsuidh, ullamh a thoirt sgeul uainne, Sean. 6. 19. agus 17. 9. agus 25. 23. Ceist LXXIX. Cia i an deicheamh áithne? F. Is i an deicheamh àithne, Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no ogluch no bhan-oglach, no dhamh, no asal, no aon ni a’s le do choimhearsnach. Ceist LXXX. Creud iarrar san deicheamh àithne? F. Ata an deicheamh àithne’ ag iarruidh’ oirne bhi lan toilighte le’r staid fein maille re fònn ceart agus inntin sheirceil do bhi ionnain d’ ar coimhearsnach, agus do gach uile ni bhuineas dh’ a. C. Co an rann do ’n tiomna-nuadh ann sam bheil suim, agus mineacha na h áithne so aguinne? F. Ann an Eabh. 13. 5. “Biodh bhur caithe’-beatha as eagmhuis sainnt; agus bithibh toilichte leis na nithe ata agaibh.” C. ’N uair ata am freagradh ag radh gu ’m bheil [TD 320] an áithne ’g iarruidh bhi lan toilichte le’r staid am bheil so a’ cialluchadh gu bu choir dhuinn bhi toileach ar beatha a chaithe ann staid pheacach? F. Cha ’n ’eil, oir ata Dia ag connsachadh re peacaich chionn bhi toilighte mar sin, Tais. 3. 17. C. Am bheil e cialluchadh gu ’m bu choir dhuinn bhi neo’-mhothachail, agus coi’-dheas faoi staid amhgharach? F. Cha ’n ’eil; oir ta Dia diom-bui’-each dheth sin cuideachd, Jer. 5. 3. Hos. 7. 9. C. Ciod é ma’ tà is seagh dh’ a? F. Gu ’m bu choir dhuinn bhi lan thoilighte leis a chuibh-roinn sin do nithe feumail agus solasach na beatha so, ata Dia ann a ghliocas a’ faicsin iomchuidh a luidheasach oirne, gun doilghios no gearan air a thoil sin, ach gu saor ag aontachadh le freasdal De, mar an ni as fearr, agus is iomchuidh air ar soinne. C. Co iad an dream ata righeachd air bhi toilighte air an doigh so? F. Iadsan aig am bheil an cridh’ ag freagra’ d’ an staid. C Nach iad sin na daoinibh is mo sonais air thalamh? F. Is iad, oir ata tiodhlac ac’ as fearr nan saidhbhreas saoghalt’ is mo. C. Nach fead daoine righeachd air an t sonas so; bhi toilighte le ’n staid, le beagan do an t saoghal co-mhaith is le moran dheth? F. Feadaidh; oir bha an t abstol Pol, aig nach roibh ach beag dheth, sar thoilighte leis a bheagan; agus an t am an d’ fhuar è leasachadh beag a chuir ’g a ionnsuidh a Phillipi, a dubhairt è, “Ata me sealbh achadh nan uile nithe, ata pailteas agam, agus lionadh me,” Phil. 4. 11, 18. Air an laimh eile, bha Ahab aig an roibh rioghachd, lan do mhio-shuaimhneas, agus neo’-thoilighte, do bhridh gu roibh fion-gharadh Naboth a dh’ eas- [TD 321] bhuidh air; agus bha Haman mar so cuideachd, ge do bha è air a luchdachadh le beartas, agus le onoir do bhridh nach striochdadh Mordicai dh’ a, 1 Riogh. 21. 4, 5, 6. Est. 5. 11, 12, 13. C. Cionnas ata na fior chreidmhich ag righeachd air bhi toilighte air an doidh so le beag do ’n t saoghal? F. Ataid ’g a fhoghlum o Dhia, ata ag teagasg dhoibh a chreidsin, agus a smuainteachadh cia suarach iad fein, le bhi beachdachadh nach roibh aig an Tighearna sin àit’ ann san cuireadh è a cheann, gu ’m fuigh iad o Dhia na nithe as fearr dhoibh; agus gu ’m bheil an cuibh-roinn ann an Josa Criost, agus a bheath shiorruidh leoir fhairsing air son an uir-easbhuidh uile. C. Cionnas ata è ag tarladh nach ’eil daoin’ an t saoghail so toilighte le ’n saidhbhreas? F. Do bhri’ gur diomhaineas an saoghal agus os barr ata malluchadh diomhair ann co’-chuideachd na nithe ataid ag sealbhachadh, ata ag seargadh gach sòlas ata ionnta; uaithe so, ata ’n cridhe talmhaidh, cosmhail ris an uaigh nach fheadar a shasachadh, ach a bhios ag iarruidh tuilleadh do ghna’, Eccl. 5. 10. Sean. 30. 15, 16. C. Am bheil e na shannt do dhuine bhi ’g iarruidh tuilleadh do ’n t saoghal na ’ta aige? F. Cha ’n ’eil, ma bhios e ’g a mhiannuchadh o chrichibh maith, le geill do thoil De, agus mu ghnathaicheas e meadhonadh ionruic chum righeachd air. C. Creud é an sannt ma seadh, ata air a thoirmeasg ann so? F. Bhi ag miannuchadh na nithe maith ata daoin’ eil’ a’ sealbhachadh, agus bhi faoi dhoilghios chionn gu bheil iad aca. C. Nach fead duine storas duin’ eile mhiannuchadh ma ’s e run tuilleadh maith a dheanadh leis na ’ta e fein a’ deanamh? F. Cha ’n fhead; oir ’ta an cridhe ro cheal- [TD 322] gach, agus a runaibh muiteach; uime sin, deirir amadan ris an neach ata ’g earbsa r’a chridhe fein, Sean 28. 26. Jer. 17. 9. C. Nach ’eil iad nan coigreich d’ an cridhe fein ata smuainteachadh gu ’m bithidh iad toilighte le beagan tuille do ’n t saoghal na ’ta aca? F. Ata; oir ata tograidh an chridhe dol am fairsingeachd, mar ata a maoin ag dol a’ mead. C. Nach iad sin as glice gu mór ata ’g iarruidh an fhior bheartais, eadhon, grás slainteil, agus coir air geallaibh an nuadh-choi’-cheangail? F. Is iad, oir maireadh na nithe sin aca, ’n uair a ni beartais eile sgiathaibh dhoibh fein, agus a theicheas iad uapadh ’n tra’ ’s mo am feum orra. C. Cionnas a dh’ fheadas an dream ata bochd righcachd air bhi toilighte le ’n staid, agus bhi air an coimhead o shannt? F. Le bhi ag socrughadh an ard shonas ann Dia a mhealtain, agus le bhi smuainteachadh gur h è Dia a dh’ orduigh an chrann char sin air thalamh, agus gu bheil tuilleadh aca na ’ta iad ag toilltinn; gu ’n roibh moran a b’ fhearr na iadsan ann staid bu mheasa, gu bheil moran d’ am bheil saibhreas ag deanamh cron, ach gur tearc an dream d’ am bheil iad a’ deanamh maith; agus mar nach d’ thug iadsan dadam a dh’ ionnsuidh ’n t saoghail, mar an ceadna nach toir iad dadum as, Sal. 16. 5, 6. Hab. 3. 17, 18. Gin. 32. 10. Job 1. 21. Eabh. 11. 38. Eccl. 5. 13. 1 Tim. 6. 7, 8. C Nach i ’n fhior hiadhachd an t slighe ghaoirid chinnteach gu bhi toilighte le ’r staid? F. Is i; oir ’s an re diadhachd ata sonus agus bhi lan thoilighte air an ceangal, 1 Tim. 6. 6. oir choisin Criost an gràs so, do na h uile a chreideas ann. C. Nach ’eil cuid do argumainte sonruighte aig na daoine diadhaidh ata aim-beartach chum an deanadh coi’-dheas fuidh gach teanndach? [TD 323] F. Ata, le bhi ag smuainteachadh gu bheil Dia a’ cur nan ceart trioploidibh fin orra chum a’ maith, chum an irioslachadh, agus chum ’s gu ’m bithidh an earbs’ as fein, gu bheil Dia ag faicsin gu ’m bithidh beartas mar ribe chum an cridheachan a tharruing uaithe sin, gur tearc daoinibh saidhbhear ata ainmeil ann gràs, gu do nochd Dia moran tuilleadh caoimhneas dhoibh ann an cuibh-roinn a thoirt dhoibh ann a choi’-cheangal san, ata air a dheadh riaghlughadh, oighreachd bhreagh, ata gu neo’-chriochnach n’ is oirdheirceadh, agus ’n is mairtheanaicha. C. Cionnas a rigeas an dream ata beartach air bhi toilighte le ’n staid shaibhear? F. Le bhi ’g iarruidh a ghràis so o Dhia, agus gun duil a bhi aca re sonas o ni air bith air thalamh, le bhi ag oirpeachadh feum a dheanadh d’ am beartas chum gloir Dhe, agus leas dhaoin’ eile; bhi do ghna’ ag cuimhneachadh gur è Dia ann Criost cuibh-roinn an anama, agus nach fead an saoghal fior shòlas a thoirt dhoibh, nach fead è am beatha shineadh air thalamh, no feum a dheanamh dhoibh ann am bàis, Luc. 12. 15. Sal. 62. 10. Sean. 11. 4. 2 Cor. 9. 7, 8. C. Cionnas a bhios an droing sin toilighte agus coi’-dheas ata ag tuiteam o staid shaoibhear gu staid aimbeartach iosal? F. Le bhi smuainteachadh gu bheil uachdranachd neo’-fhuasgailte aig Dia o’s an ceann sin, gu fead è le ceartas an ni as aill leis a dheanamh riu; nach ’eil e toirt dadum uapadh, ach na thug e dhoibh mar iasachd car tamail, gu bheil è co’-thromach, glic, agus ro naomha, agus gur h àithne dh a’ an ni as fearr dhoibh. C. Creud i an tairbh ata ann sa ghrás so, bhi toilighte le ’r slaid? F. Ata moran sith o ’n leith stigh ag srutha uaithe ’ta è cur seamhachd san spiorad ann am trioploid, ata e ag suidheachadh an anama air a [TD 324] dleasdanas, ata è ag coimhead o iomad buaireadh, rib’, agus peacadh ann sam bheill an dream ata neo’-thoilighte ag tuiteam, mar ata frionas, monmhor, ardan, formad, breugan, gadui’-eachd, eacoir, mionnachadh gu h obain, no gu cealgach, agus moran eile. C. Creud ata air a chialluchodh leis an fhónn cheart, agus sheirceil anama, d’ ar coimhearsnach, agus do gach ni a bhuineas dh’ a ata air iarruidh san àithne so? F. Rùn gradhach do bhi aguinn do dhaoin’ eile bhi ag miannugh an leas, bhi re gairdeachas fa ’n saibhreas, agus fuidh bhròn m’ an amhghar, Rom. 12. 10, 15. 3 Eoin 2. 3. Eabh. 13. 3. Ceist LXXXI. Creud ata air a thoirmeasg san deicheamh àithne? F. Ata an deicheamh àithn’ ag toirmeasg, gach talach air air staid fein, gach doilghios agus formad re maith ar coimearsnaich, gach togradh agus miann ea-cneast, chum aon ni a bhuineas dh’ a. C. Ann diadh do Dhia gadui’-eachd agus Adhaltrannas a thoirmeasg ann sna h àitheantaibh roimhe so, c’ ar son ata e cur riu ann so, na sanntaich tigh, no bean do choimhearsnaich? F A thoirt dearbha dhuinn air fairsingeachd agus seagh spioradail an reachd, agus gu ’m bheil è ag toirmeasg ceud smuainteadh agus togradh chum peacaidh ann san chridhe; agus b’ e so an smuain a dh’ fhosgail suilean an abstail Phoil, & a leig ris dh’ a a ghrainealach fein trid comhnuidh a pheacaidh ann taobh stigh dheth, ge do bha è saor do mhio-nosaibh foilleasach, Rom. 7. 7. “Cha bhiodh eòlas agam air ain-mhiann, mar abradh an lagh na miannuigh.” [TD 325] C. Creud é a cheud pheacadh ata am freagradh ag ainmeachadh ata air a thoirmeasg ann so? F. Talach, no gearan air ar staid fein, peac’ ann sam bheil daoine saibhear, agus daoibhear ciontach mar aon. C. Cia uaithe ’ta an talach ata aig daoin’ air an staid fein a’ srutha? F. O uaibhreachas, o ghradh do ’n t saoghal, agus o ain-earbs’ a freasdal De. C. Cionnas ata é teachd o sporsa, no uaibhreachas? F. Do bhri’ gu bheil an dream ata ag talach air freasdal De a taisbean gu bheil meas ann-barrach aca dhiu fein, ataid ag smuainteachadh an dara cuid, gu bheil iad ag toilltinn n’ is fearr aig laimh an Tighearna, no gu b’ urradh iad san cuisibh a riaghluchadh na b’ fhearr air an son fein, na rinn eisean. C. Creud iad na h uilc ata ann bhi talach air ar staidne? F. Os barr air na dh’ ainmeachadh cheanna, ata è ag deanamh dhaoine neo’-thaingeal air son an sochairibh, neo’-iomchuidh air son an dleasdanais, draghail d’ an cairdibh agus dan coimhearsnaich; ata è ag altrom stribh, consboid, agartas lagha, ceannairc, agus mortadh, ata è ag sladadh co’-fhurtachda na beatha o dhaoinibh, ag deanamh an triobloidibh ni as do ghiulan, agus a brosnuchadh chum am buanachadh agus an cuir a’ mead. C. Creud é an dara peacadh ata air a thoirmeasg ann so? F. Formad; ni ata na ghearan diomhair air staid shaibhear dhaoin’ eile, no, na champar, agus na dhoilgheas air son an saibhreas, am buaidhibh no ’n onoir. C. Creud iad na h uilc ata san fhormad so? F. Is peac’ è ’ta ag mortadh an anama, agus ata ann aghaidh gach deagh riasuin; seadh fòs, ata è [TD 326] cosmhuil ris an Diabhol, a bhi naimhdeil do dhuine gun aobhar air bith, ach do bhri’ gu bheil Dia caoimhneil ris; ata è cur cunnuil air gliocas agus maitheas De, ata è ag lobhtha nan cnamhan, agus ata gach mi-riaghail agus droch gniomh ag srutha uaithe, Mat. 20. 15. Sean. 14. 30. Seam. 3. 16. C. Creud iad na miannaibh agus na tograibh eacneast, do nithe ar coimhearsnaich ata air an toirmeasg ann so? F. Gach aon togradh ann diaidh nan nithe air nach fead sinn righeachd le meadhonaibh laghail, no gun chron a dheanamh d’ ar coimhearsnach; agus gach uile mhiann gu sannt, Col. 3. 5. Ceist LXXXII. Am bheil neach air bith comasach air àitheantaibh De a choimhead gu foirfe? F. Ni fheadar le aon neach nach ’eil ach na Dhuin’ amhain, o cheud thuiteam ar sinsir, àitheanta De a choimhead gu foirfe, ach ata iad gach la ga ’m briseadh ann smuainteadh, ann focal, agus ann gniomh. C. C’ ar son a deirir san fhreagradh, neach nach ’eil ach na Duin’ amhain? F. A thoirt an DUIN’ JOSA CRIOST as, neach a choimhed àitheanta Dhe gu foirfe. C. Nach bu duin’ AMHAIN CRIOST? F. Cha b’ eadh; oir bha è ’n a Dhia agus na dhuine mar aon. C. C’ ar son a deirir o ’n leagadh? F. A thoirt ar ceud sinsir as, ann uair a bha iad ann staid neo’-chiontais, a bha san am sin, comasach air àitheantaibh Dhe a choimhead gu foirfe. C. C’ ar son a deirir comasach san bheatha so? [TD 327] F. A thoirt nan naomh air neamh as, ata comasach air an coimhid gu foirfe san ionad sin. C. Nach fead naomh air bith air thalamh righeachd air lagh Dhe a choimhead gu foirfe? F. Cha ’n fhead; oir ni bheil duin’ ionruic air thalamh, ata deanamh maith, agus nach ’eil a’ peacacha. Eccl. 7. 20. 1 Eoin 1. 8, 10. C. Cionnas ata è ag tarladh mar sin? F. Do bhri’ nach ’eil na naoimh a’s fearr air thalamh, ach air an ath-nuadhacha’ ann cuid, agus ata fuighleach truaill’-eachd ionnta san, ata ag cathachadh ann aghaidh na cuid ata spioradail, agus ath-nuadhaighte, Gal. 5. 17. Agus chi sinn na naoimh as fearr air am bheil aithris aguinn’ san sgriobtur, ag aidmhicheadh an neo’-iomlanachd, agus re gearan air, Job. 9. 2, 3. Sal. 19. 13. agus 130. 3. agus 143. 2. Isa. 64. 6. Dan. 9. 5. Rom. 7, 18, &c. C. Nach ’eil è ag radh daoine foirfe re Noah, re Job, agus re Heseciah, Gin. 6. 9. Job 1. 8. 2 Riogh 20. 3.? F. Cha ’n ’eil sin air a labhairt mu iomlanachd neo’-fhuasgailte, no foirfi’-eachd ann an tomhas iomlan; ach amhain mu iomlanachd neo’-mheangail, no foirfi’-eachd am buaidhean, mar ata corp naoidhean air a mheas iomlan, ge nach ’eil è air fàs gus an iomlanachd is mò, agus ata è soilleir, nach ’eil an sgriobtur a’ labhairt mu iomlanachd neo’-fhuasgailte, do bhri’ gu ’m bheil aithris aguinn air peacaidh, agus neo’-iomlanachd nan ceart dhaoine sin, ris an deirir daoinibh foirfe, Gin. 9. 21. Job. 3. 1, 2, 4. 2 Chron. 32. 25. C. Creud as seagh do neo-mheangalachd, no iomlanachd ann am buaidhibh? F. Oirp’ threimh-dhireach, neo’-mheangail air cosamhlachd re toil De ann sgach aon ni, agus bhi dian-ruidh ann diaidh tuilleadh tomhais do naomhachd. [TD 328] C. Nach eil Daibhi ag radh toir breith orm O Thighearna, do reir m’ fhireantachd? Sal. 7. 8. F. Cha ’n ’eil è ann sin, ag labhairt air ceartas no fireantachd a phearsa, ach fireantachd na cuis a bha e ag seasamh ann aghaidh a naimhde, agus a bha e leigeil faoi raithe. C. Nach ’eil an t abstal ag radh, “ge b’ e neach a ghinear o Dhia, dha dean è peacadh?” 1 Eoin 3 9. F. ’Se seagh nam briathraibh sin, nach’ eil an dream ata air an ath-ghineamhuin a’ cur peacaidh ann gniomh mar rinn iad roimh sin, le ’n tlachd, no le lan aontachadh an toil, ni bheil iad ag ceaduchadh do ’n pheacadh bhi ann uachdar orra, ach ata e soilleir, o 1 Eoin 1. 8. nach’ eil iad as eagmhuis peacaidh. C. C’ ar son ata Criost a’ cur mar fhiacha oirne bhi foirfe, Mat. 5. 48. mar ’eil è ’n ar comas righeachd air? F. 1. A thoirt fios dhuinn gu bheil coir aige so iarruidh aig ar laimh-ne. 2. Chum ar ’n irioslachadh, agus ar coi’-eigneachadh dh’ ionnsuidh Chriost air son fireantachd iomlan. 3. Chum ar teagasg a mhiannughadh, a dh’ oirpeachadh, agus a dhian ruidh ann diaidh iomlanachd ann naomhachd. C. Creud an doidh air am bheil sinn ciontach ann sna h àitheantaibh a bhriseadh? F. Ata sinn ann so gach la, ann smuain, am briathraibh, agus ann gniomh. C. Am bheil bhi smuainteach’ ’air a pheacadh na bhriseadh an lagha am fiadhnais De? F. Ata, Gin. 8. 21. Mat. 5. 28. Agus 15. 19. Jer. 4. 14. Ceist LXXXIII. Am bheil gach uile bhriseadh an lagha coi’-meas ann uath-mhorachd? F. Ata cuid do pheacaidh ionnta fein, a- [TD 329] gus do bhri’ moran do nithe ata ’g an ann-tromacha’ n’ is uath-mhora’ na cheile am fiadhnais De. C. Am bheil gach aon pheacadh coi’-meas r’a cheile? F. Cha ’n ’eil, ata cuid dhiubh ni as ua’-mhora na cuid eile. C. Ciod é sin peacadh bhi ua’-mhòra? F. E bhi n’ is graineile agus ’n is mo oil-bheum ann lathair an De ata uile naomha, na ’ta cuid eile. C. Cionnas ata é soilleir gu ’m bheil cuid do pheacadh, n’ is mo-oilbheum ann lathair Dhia na cuid eile? F. O na nithe sin, 1. Bha an lochd-iobairt faoi’ ’n lagh ni bu mho nan oifreal air son mearachd. 2. Ata cuid do pheacaidh n’ is truime air am bagradh, agus air an smachduchadh na cuid eile. 3. Ata è air fhollsicheadh mu chuid do pheacaibh nach fheadar an logha, Lebh. 9. 3. Mat. 23. 14. agus 12. 31. C. C’ ar son a deirir ann san fhreagradh gu bheil cuid do pheacaibh ni as ua’mhora am fia’-nais De, na cuid eile? F. A theagasg dhuinne ciod i an riaghail leis am bu choir dhuinn’ breith a thoirt air peacaibh, thaoibh a’ mead, do bhri’ gu ’m bheil moran ullamh gu beag suim a ghabhail do ’n ni sin ata ua’-mhora am fiadhnais an Dia sin ata gu fior agus da rireadh ’n a bhreitheamh iomchuidh air a chuis so. C. Ciod ata fagail cuid do pheacaibh n’ is ua’-mhora ua cuid eile? F. Ata cuid do pheacaibh ni as ua’-mhora ’n an nadurra fein; agus cuid eile thaobh nithe eigin ata ’n an co’-chuideachd leis am bheil iad air an ann-tromachadh. [TD 330] C. Creud iad na peacaidh ata n’ is na’-mora nan nadurra fein na cuid eile? F. Ata na peacaidh ata ann aghaidh a cheud chloir do ’n lagh, no iad sin a chuirear ann gniomh gu neo’-mheadhonach ann aghaidh Dhe, ni as ua’-mhora na peacaidh ann aghaidh an dara clair, no iad sin ata gu neo’-mheadhonach ann aghaidh ar coimhearsnaich; mar eisempleir, ata iodhol-adhra ’n ’is mo na adhaltrannas, ata noamh-ghaoid ni as mo na gadui-eachd, ata Dia-bheum ni as ua’-mhora na masladh thoirt d’ ar coimhearsnach, 1 Sam. 2. 25. C. Nach’ eil cuid do pheacaidh ann aghaidh a cheud chloir ni as uath-mhora na cuid eile? F. Ata, agus chi sin gu bheil Dia sheunadh agus iodhol-adhradh air an comharthach’ amach mar na peacaidh as ro mho, Ecsod. 5. 2. Jer. 44. 4. C. Nach ’eil cuid do pheacaibh ann aghaidh an dara cloir ni as ua’-mhora na cuid eile, na nadurra fein mar an ceadna? F. Ata; oir chi sinn, gu bheil mortadh air a comharthach’ mar pheacadh ro ghraineil, ata glaodhaich air dioladh; agus foirneart, gu sonruighte a nithear air baintrea’-ch agus air dileachaibh, Gin. 4. 10. Ecsod. 22. 23. C. Am feadar peac’ uath-mhora bhios ag eigheach a logha? F. Feadar, ann lorg fior chreideamh agus aithreachais, Isa. 1. 18. 1 Cor. 6. 11. C. Creud iad na tobair maitheanais amhain ris an eigin do pheacaich amharc? F. Saor ghras De, agus fuil diolaidh Chriost, Luc 7. 49. Eph. 1. 7. 1 Eoin. 1. 7. C. Creud e am peacadh as ua’-mhora ata air an t saoghal gu leir? F. Am peacadh ann aghaidh an Spiorad naoimh, peacadh ata chum bàis, ni nach ’eil a’ fahgail maitheanais. [TD 331] C. Creud e am peacadh ann aghaidh an Spioraid naoimh? F. Feadar a chomharthach’ amach na chul-sleamhnach o Dhia gu tur, no na ath-phillidh o shlighe na firinn, ann diaidh soillsicheadh soilleir, agus deadh aidmheil, agus peacachadh gu toileil le fuath, mio-run, agus tailceas air Criost, agus air a luchd muintir, agus buanachadh gu neo’-aithrighte mar sin gu ’n uig a chrioch, Mat. 12. 31, 32. Eabh. 6. 4, 5, 6. agus 10. 26, 29. C. Creud iad na nithe ata ’g an-tromachadh cuid do pheacaidh, agus ’g an deanamh n’ is ua’-mhora na cuid eile? F. Is iad sin na nithe sonruighte ata nan co’-chuideachd, ata ’g an deanamh ni as mo na bhithidh iad air achd eile. Agus chi sin o ’n sgriobtur, gu ’m bheil peacaidh air an ann-tromachadh, 1. Leis an dream ata ’g an cuir ann gniomh. 2. D’ an taobhsan air am bheil am peac’ ag deanamh ea coir. 3. Thaobh na meadhona ann aghaidh am bheil am peacadh. 4. Thaobh na doibh air am bheil am peacadh ga chuir ann gniomh. 5. O ’n am ann cuir’-ear ann gniomh è. 6. O ’n àit’ ann cuir’-ear ann gniomh è. C. Cionnas ata am peacadh air ann-tromachadh thaoibh an neach ata ciontach ann? F. Ata am peacadh air ann-tromachadh, mu bhios an neach ata ciontach ann, air teachd gu h aois, gu dearbhadh agus eòlais, no mu bhios è cliutach ann gibhte, aidmheil no oifig air thalamh, air achd is gu ’m b’ i eisempleir ag toirt misnich do dhaoin’ eile chum an tarruing gu peacadh, 2 Sam. 12. 14. 1 Riogh. 14. 16. Mic. 3. 5. Rom. 2. 14. Gal. 2. 13. C. Nach ’eil peacaidh nan criostui’-ean n’ is ua’-mhora na peacaidh nan cinneach? F. Ata. C. Nach ’eil peacaidh na cloinne sin a fhuair [TD 332] foghlum & eisempleir dhiadhaidh, ni as ua’-mhora na peacaidh dhaoin’ eile? F. Ata. C. Cionnas ata peacadh air ann-tromachadh d’ an taobh san d’ am bheil e toirt oil-bheum? F. Ata am peacadh air ann-tromachadh ’n uair a chuirthear ann gniomh e gu neo’-mheadhonach ann aghaidh Dhe agus a bhuaidhibh sin, ann aghaidh Chriost agus a ghrais sin, ann aghaidh an Spiorad agus oibreacha sin, ann aghaidh dhaoin’ ata ard ann an inmhe, ann aghaidh ar ’n uachdranaibh, agus ar cairdibh, d’ am bheil sinn fuidh iomad comain, ann aghaidh anamaibh dhaoine, agus na dream is ionmhuinn le Criost, Sal. 51. 4. Rom. 2. 4. Mat. 21. 38. Eabh. 12. 25. Eph. 4. 30. Gniomh. 7. 51. Air. 12. 8. Isa. 3. 5. Sean 30. 17. Sal. 41. 9. Esec. 13. 19. Mat. 18. 6. 1 Cor. 8. 12. C. Cionnas ata peacadh air ann-tromacha’ thaobh na meadhona ann aghaidh an cuir’-ear ann gnoimh è? F. Ata peacadh gn mor air ann-tromachadh ’n uair a chuirthear ann gniomh è, ann aghaidh’ freasdal beothail agus soilleir do ghradh agus solus an t soisgeul, ann aghaidh soluis nadurra, agus impidh an coguis fein, ann aghaidh sochairibh, bagraibh, agus breitheanais, ann aghaidh comhairlean agus rabhaidh, ann aghaidh foighidin & fad fhulangas, ann aghaidh deagh eisempleiribh, agus cronachadh eaglais, ann aghaidh smachduchadh laghail, ann aghaidh urnuighean runaibh, boidean, agus coi’-cheangail, Mat. 11. 21, 23. Eoin. 15. 23. Rom. 1. 26. Dan. 5. 22. Deut. 32. 6, 35. Sal. 78, 36, 37. Sean. 29. 5. Amos 4. 9. Jer. 5. 3. Sean. 21. 1. Tit. 3. 10. Sean. 23, 35. Eccl. 5. 4. Lebh. 26, 25. C. Cionnas ata peacaidh air an ann-tromachadh leis an doidh air an cuir’-ear ann gniomh iad? [TD 333] F. ’N uair a pheacaicheas duine gu toileil agus gun bhuaireadh, gu h an dana agus gun eagal, ’n uair a bhios è ’g a dhealbh gu suidhighte, ’n uair a bhios e gu crosanta ’g a chuir roimhe, ’n uair a bhios e deanamh raiteachas is uaill as, ’n uair a chuireas è ’n gniomh è gu toileach agus le tlachd, gu spideil agus gu naimhdeil, gu foilliseach agus gu di-measach, ag gna’ bhuanach ann. Mar an ceadna ’ta peacadh gu mor air ann-tromachadh ’n tra’ bhios duine ciontach ann san ni sin a bhios e diteadh ann daoin’ eile, ag ath-thuiteam am peacadh ann diaidh aithreachais, ’n uair a bhios è cur re olc fuidh sgaile aidmheil, no ag teagasg agus a’ toirt misnich do dhaoin eil’ am peacadh. Jer. 6. 16. Air. 15. 30. Sal. 36. 4. Sal. 52. 1. Sean. 2. 14. Isa. 57. 17. Sech. 7. 11. 2 Phead. 2. 20. Rom. 1. 32. agus 2. 21. Tais. 2. 14. C. Cionnas ata peacadh air ann-tromach thaobh an am ann cuir’-ear ann gniomh è? F. Ata peacadh air ann-tromachadh, ’n uair a chuir’-ear ann gniomh è air la na Sàboid, no ’n uair bu choir do neach bhi re adhradh crabhach, no ann diaidh bodeach do ’n Tighearna ann an rioghailtibh foilliseach, no ann an am triobloid, ’n uair a bhios Dia a’ gairm gu irioslachadh. Esec. 23. 38. Isa. 22. 12, 13. agus 58. 3. Air. 25. 6. 2 Chron. 28. 22. Isa. 1. 1. C. Cionnas a dh’ fheadas peacadh bhi air ann-tromacha’ thaobh an áit’ ann cuir’ ear ann gniomh é? F. ’N uair a chuir’-ear ann gniomh è ann an tir far am bheil eòlas agus solus, ann an àite ata air a choisreagadh gu adhradh Dhe, ann an àite ann d’ fhuaras fuasgladh grasmhor, no ann àite foilleiseach ann lathair dhaoin’ eile bhios ann cunntart bhi air am buaireadh agus air an ribe leis. Isa. 20. 10. 1 Sam. 2. 22. Sal. 106. 7. 2 Sam. 10. 22. [TD 334] Ceist LXXXIV. Creud ata gach aon pheacadh ag toilltin? F. Ata gach aon pheacadh ag toilltin, fearg agus malluchadh Dhe, mar aon ann sa bheath so, agus ann sa bheatha ’ta re teachd. C. Creud ata r’ a thuigsin le fearg agus malluchadh Dhe ata dligheach air son peacaidh? F. Am peanas uath-bhasach sin, ata ag srutha o cheart dioghaltas De, air son peacaidh, agus binne diteadh a lagha sin, a chuaidh bhriseadh, mar aon ann sa bheatha so, agus ann san ath-bheatha. C. Am bheil am peacadh as lugha ag toilltin peanas siorruidh? F. Ata. C. Cionnas ata sin soilleir? F. Do bhri’ gu ’m bheil gach aon pheacadh a toirt oil-bheum do ’n Dia ata neo’-chriochnach ann ceartas, agus ann naomhachd, agus d’ a lagh co’-thromach sin; air an aobhar sin, ata ceartas De ag iarruidh dioladh iomlan air a shon. Gal. 3. 10. Rom. 6. 23. Esec. 18. 14. C. Cionnas ata é soilleir gn bheil an urrad sin do chron ann sgach peacadh? F. Do bhri’ gu ’m bheil gach peacadh ’n a nadurra fein na ghluasachd ann aghaidh Dhe, agus na dhi-meas air sin ata neo’-chriochnach ann a’ maitheas; ata è deanamh tair air ard uachdranachd, air a chumhachd neo’-chriochnach, air a ghliocas, air a mhaitheas, agus air a naomhachd. C. Am bheil barrantas air bith air son an eider-dhealuch’ ata ’n a Papanaich a cur eidear peacaidh so lagha, agus peacadh bàs-mhor? F. Cha ’n ’eil, oir ’ta gach aon pheacadh bàs-mhor ’n a nadurra fein; agus ge ’ta gach peacadh [TD 335] so mhaithe trid Chriost, gidheadh, ata e ann fein ag toilltin dioghaltas siorruidh. C. Nach ’eil tuilleadh lochd ann sa pheacadh as lugha na dh’ fheadas fulangas creatuir criochnach air bith dioladh a thoirt àir a shon? F. Ata, agus uime fin, ’s eigin gu ’m b’ i fulangas na dream a theid a’ mugha siorruidh, do bhri’ nach toir iad dioladh iomlan gu brath. C. Nach fhead am peacadh as lugha bhi air a mhaithe le ni air bhith ach le fuil Chriost? F. Cha ’n fhead, Eabh. 9. 22. Ceist LXXXV. Creud ata Dia ag iarruidh oirne chum ’s gu feadamaid tearnadh o fheirg, agus o mhallachdsan a thoill sinne le ’r peacaidh? F. Chum tearnadh o fheirg agus o mhalluchd Dhe, a thoill sinne air son ar peacaidh, ata Dia ag iarruidh oirne, creidimh ann Josa Criost, aithreachas chum na beatha, maille re gnathachadh dicheallach a dheanamh air na meadhonadh ata ann leith ’muigh, leis am bheil Criost ag co’ partughadh ruinne sochaire na saorsa. C. Cionnas ata fios agad gu bheil feirg Dhe dligheach air son gach aon pheacadh? F. Do bhri’ gu bheil fearg Dhe air a foillsicheadh o neamh ann aghaidh gach neo’-fhireantachd dhaoine, agus ata gach uile pheacadh ag deanamh dimeas air Dia ata neo’-chriochnach. C. An d’ fhoillsich Dia slighe air bhith chum dol as o ’n fheirg a thoill sinn le ’r peacaidh? F. Dh’ fhoillsiich, eadhon; slighe a’ chreidimh, & an aithreachais, agus gnathachadh dicheallach air uile meadhona nan gràs. C. Am bheil Dia ag iarruidh creidimh, aith re ach- [TD 336] as agus gnathachadh na meadhona, chum dioladh air son peacaidh, agus a chosnadh slainte? F. Cha ’n ’eil; oir b’ e sin bhi deanamh slanu ’-fhir d’ ar dleasdanais, agus bhi cur bàs Chriost ann neo’-brigh. Gal. 2. 21. C. C’ ar son ma seadh ata Dia ag iarruidh nan nithe sin oirne? F. Ata è ’g an iarruidh amhain chum na nithe a cheannaich Criost le a bhàs a cho’-chur, agus a cho’-pairteachadh a ghrais a chosain eisean dhuinne. C. Am bheil creidimh, aithreachas, agus dleasdanais eile mar chumhnantaibh air ar slainte’ ne? F. Feadar an gabhail san t seagh so, ma ’ta sinn a’ tuigsin le cumhnant amhain, gu bheil iad na meadhona feumail chum righeachd air slainte, do bhri’ gu roibh iad air an ordughadh le Dia chum fireantachd Chriost a cho’-chuir, an ni ’mhain ata na cumhnant diolaidh air am fead sinne ar slainte agairt. C. Nach feadadh Dia ar saoradh trid fireantachd Chriost as eagmhuis, creidimh, aithreachais, no meadhona air bith eile? F. Ciod air bhith a dh’ fheadadh Dia a dheanamh ’n a uachdranachd ard-Thighearnail, bu choir dh’ a sinne lan thoileachadh, gu ’n d’ fhoillseich Dia a thoil gu soilleir m’ an chuis; agus gu d’ innis è gur ann trid gnathachadh na meadhona sin amhain a cho’-pairteachas e sochaire na saorsa ruinne, agus ata so ’g an deanamh gu neo’-fhuasgailte feumail do na h uile aig am bheil duil re slainte trid Josa Chriost; cha bhithidh e chum gloir Dhe, maitheanas cionta agus slainte, thoirt do neach air bith a bhithidh ag dol air aghaidh am peacadh, agus ag dearmad Chriost, agus a sheirbhis sin. Ceist LXXXVI. Creud is creidimh ann Josa Criost ann? [TD 337] F. Creidimh ann Josa Criost, is gràs slainteil e, leis an bheil sinne ga ghabhail sin, agus ’g ar socruchadh fein air sin, ’n a aonar chum slainte, mar ata e air a thairgse dhuinne san t soisgeul. C. Nach ’eil creidimh r’ a thuigsin ann an seaghaibh eagsomhail san sgriobtur? F. Ata; oir air uairibh ata e air a ghabhail air son teagasg a chreidimh, agus air uairibh eile, air son grais a chreidimh. C. An creidimh slainteil do dhuine, bhi ag creidsin gu bheil Dia ann, gur b e Criost slanuigh-ear nam peacach; no gu bheil am biobul fior? F. Cha ’n eadh; oir ni bheil ann sin ach creidimh sgeulachd, agus ata na deamhain ag teachd an fhad so, Sean. 2 19. C. Creud è creidimh sgeulachd? F. Aontachach na tuigse leis an fhirinn, mar ata i air a foillsicheadh ann san fhocal, leis am bheil duin’ a gabhail ria, agus ag toirt creideas dhith, mar ni e do fhirinn seanachais, mar so rinn iad san air am bheil aithris aguinn, Mat. 13. 20. Eoin. 2. 23. Gniomh. 8. 13. agus 26. 17. C. Ciod e tuilleadh ata ann creidimh slainteil na aontachadh agus creideas a thoirt do theisteas o neamh? F. Ma bhitheas ar ’n aontachadh laidir agus iomlan is cinntich gu ’m b’ i gniomhartha eile an chreidimh ’n a cho-chuideachd, ’s e sin r’ a radh, cha ’n è ’mhain gun aontaich duine leis na firinnibh mar ata iad air am foillsicheadh san t soisgeul, ach mar an ceadna gu creid è gu daingean gu bheil iad luachmhor, agus co oirdheirc is ata iad air an cur amach ann, agus ann sin, cha ’n fhead è gun ghabhail riu gu failteach. Ach ma ’ta ar ’n aontachadh ’mhain, thaobh firinn nan nithe ata ’n ar tairgse, gun suim a ghabhail dhiubh, mar ataid maith agus iomchuidh, cha ’n eil è fior agus [TD 338] slainteil: Oir far am bheil am fior chreidimh, ni bheil amhain an inntin ag aontachadh le cinnt agus firinn an t soisgeul, ach mar an ceadna, ta’n cridhe ag aontachadh, agus a’ greamachadh ris mar ni as airidh air a ghabhail air gach doigh. 1 Tim. 1. 15. C. Creud e creidimh thaobh miorbhuile? F. Is è sin earbsa sonruighte a cumhachd Dhe chum nithe miorbhuileach a thoirt gu buill, ni a bh’ aig’ moran ’s na ceud linnibh do ’n t soisgeul, air doigh ghniomhach, agus fhulangach mar aon, bha creidimh aig cuid a dheanamh leighis, agus aig cuid eile a bhi air an leigheis, agus bha iad sin mar aon, air uairibh aig daoinibh a bha as eagmhuis creidimh slainteil, mar bha Judas, agus na lobhair mhio-thaingeil. C. C’ ar son a deirir grás re creidimh ann san fhreagradh? F. Do bhri’ gur h e tiodhlac saor Dhe e, gun deagh thoilltineas air bith ionnain’-ne, Eph. 2. 8. C. C’ ar son a deirir gràs slainteil ris? F. Do bhri nach ’eil slainte, no teasairgin air bhith as eagmhuis, agus bithidh na h uile air an tearnadh aig’ am bheil è, Marc. 16. 16. C. Cionnas ata creidimh ’g ar saoradh ’ne? F. Ni h ann tre feart, no buaidh air bith ata ann creidimh, mar is è ar gniomh ne, no ar ’n obair è; ach do bhri’ gur h e creidimh an gràs ata a’ greamachadh re fireantachd Chriost; an ni amhain leis am bheil sinne air ar fireanachadh agus air ar teasairgin. C. Cionnas ma seadh a deirir gu ’m bheil sinn air ar fireanachadh, agus air ar saoradh tre creidimh? F. Do bhri’ gu’ r h e creidimh amhain meadhoin ar fireanachadh, agus ar slainte ne. C. Nach ann do thoradh báis Chriost ata fior chreidimh? F. ’S ann, oir ata e air a thabhairt air sga’ Chriost, creidsin ann; ata è cur amach a spioraid [TD 339] a’ dh’ oibreach creidimh, agus uime sin, deirir ris, ughdair agus fear criochnaich ar creidimh, Phil. 1. 29. Eph. 1. 17, 19. Eabh. 12. 2. C. Ciod ata thu cialluchadh le fireantachd Chriost, ann ni sin is mathair aobhair d’ ar fireanachadh am fia’-nais De? F. Gach aon ni a rinn agus a dh’-fhuiling Criost air ar son ne, mar ar fear urrais’ ne. C. An i an aon ni ma ’ta ris an abair sinn air uairibh fireantachd Dhe, agus air uairibh eile fireantachd a chreidimh? Rom. 10. 3. 6. F. Is i, oir is ionan dhoibh sin, agus deirir fireantachd Dhe ria, do bhri’ gur e Dia a dhealbh agus a chuir ann gniomh i, oir is eisean an Dia a dh’ oibrigh amach air ar son’ ne i. Agus deirir fireantachd a chreideamh ria, do bhri’ gur ann le creidimh, agus d’ a thrid ata fireantachd Chriost air a meas dhuinne; agus uaithe so, chi sinn gun abrar ria air uairibh, an “fhireantachd ata o Dhia trid creidimh,” Phil. 3. 9. C. Creud iad fior chusboirean a chreidimh so? F. Is e focal De gu h uile cusboir coitcheann a chreidimh, oir ata an gràs so, ag aontachadh agus a gabhail ris gach firinn, tairgse, àithne, gealladh, agus bagradh ata ann; ach ’s e Criost agus fhireantachd urrais sin, cusboir sonruighte a cheidimh, oir ’s ann re so amhain a dh’ aimhairceas an t anam aithrighte, mur bhunait a shlainte am fiadhnais De, 1 Cor. 2. 2. C. Creud iad gniomhartha sonruighte a chreidimh shlainteil? F. Ata dias air an ainmeachadh ann san fhreagra, iadhon, bhi gabhail re Criost, agus ’g ar socruchadh fein air sin. C. Creud a thuigear leis an da ghniomh sin a chreidimh? F. 1. Is è bhi gabhail re Criost, roghain a dheanamh dheth, agus greamachadh ris an tairgse do Chriost ata againne mar ar fear urrais ne, agus [TD 340] aontachadh le lan run ar cridhe leis an t slighe fhireanach, agus shlainteil trid Chriost ata air a foillsicheadh san t soisgeul. 2. Is è bhi ’g ar socruchadh fein air Criost gach ni ata againn’ a chur ann laimh Josa, a chuaidh cheusadh, le bhi ag earbsa ris sin amhain, agus ag leagail uile chud-throm ar ’n anama, agus ar slainte gu leir air sin, mar an steigh, agus a phriomh chlach oisinn a leagadh ann Sion air son pheacaich chailte chum socrachadh orra, Sal 2, 12. 1 Phead. 2. 6. C. C’ar son a deirir ann san fhreagradh gu bheil creidimh a’ socruchadh air Criost amhain? F. A nochda, nach fead peacaich socruchadh air Criost ann cuid, agus ann cuid eile air an deanadas fein chum slainte, ach air Criost amhain. C. Nach ’eil bhi ag socruchadh an anama air Criost ag cialluchadh gu bheil é trom lughdaichte agus fuidh uallach ’n uair a thig è dh’ ionnsuidh Chriost? F. Ata; oir ata an t anam faoi uallach, ni h ann amhain le eagal corruigh, ach mar an ceadna, le cionta agus salachar a pheacaidh, agus le cumhachd truaill’-eachd on leith stigh, ni, as fada leis gus am bi e saor dheth. C. Ciod ata ann Criost, a bheir fois do ’n anam ata fuidh uallach? F. Ata ann Criost iomlanachd fearta a chur ciont air cul, a thoirt dioladh do cheartas, agus a chosnadh glanaidh agus naomhachaidh do ’n anam, o’s barr ata iomlanachd an Spiorad ann san, a dh’ athnuadhachadh agus a naomhachadh nadurra na h uile a thig ’g a ionnsuidh. C. Nach eigin dhuinn gabhail re Criost creidimh, agus socruchadh air sin ’na uil’ oifigeadh, mar Fhaidh, mar Shagairt, agus mar Righ? F. ’S eigin dhuinn gabhail re Criost, agus socruchadh air sin, 1. Mar ar Sagairte, le bhi ag aich-sheun gach earbs’ agus dochas as ar deanadas fein, agus bhi toilighte bhi air ar fireanachadh le [TD 341] iobairt agus fireantachd Chriost amhain. 2. S eigin dhuinn gabhail re Criost mar ar Faidhe, le bhi ag aich-sheun ar ’n uile riasanacha’ feolmhor fein, agus aontachadh bhi ag foghlum, agus ag creidsin do reir an fhoillsicheadh ata againn ’n a fhocal san. 3. ’S eigin dhuinn’ gabhail ris mar ar Righ, le bhi ag aich-sheun ar toil agus ar tograibh fein, bhi cur ar cridheachan, agus ar toil gu h iomlan fa cheannsal sin, bhi air ar riaghluchadh, agus air ar sdiuradh le a spiorad sin, do reir seolannaibh fhocail fein. C. Am bheil creidimh slainteil ag taisbean, gniomhartha air bith eile, thuilleadh air bhi gabhail re Criost, agus bhi socruchadh air sin? F. Ata; oir ata creidimh slainteil mar an ceadna ag gabhail re focal De gu h uile, agus ’g a chreidsin, do bhri’ gu ’m bheil an spiorad ag toirt fiadhnais leis, agus ag oibreachadh air doighibh eagsamhail air gach cuid deth fa leith, ag toirt creideis do gach sgeulachd agus faidh-deireachd ata ann, ag toirt umhlachd d’ a àitheantaibh ag criothnachadh roimh bhagraidh, agus a’ dlu-ghabhail r’ a gheallaibh, gun teagamh air bith m’ an cinnt agus am firinn; ge do ’s iad bhi gabhail ro Criost, agus socruchadh air sin, mar ata se air a thairgs’ ann san t soisgeul gniomhartha airid, agus sonruighte an fhior chreidimh. Eoin 4. 22 1 Eoin 5. 10. Gniomh. 24. 14. Rom. 16. 26. Isa. 66. 2. Eabh. 11. 13. Eoin. 1. 12. Isa. 26. 3. C. Ciod a chrioch gus am bheil sinne trid creidimh re gabhail re Criost, agus gu socruchadh air sin? F. Chum slainte, eadhon, chum slainte iomlan, cha ’n ann amhain o chorruigh, ach o chumhachd, o shalchar, agus o bhith a’ pheacadh, agus gach ni ata ag srutha uaithe, mar so, ’ta e gabhail a steach ann, fireanachadh, naomhachadh, agus gloir shiorruidh. C. Creud i steigh no bunait’ ar barrantais a gha- [TD 342] bhail re Criost, agus a shocruchadh air sin chum slainte? F. An steigh so, eadhon, gu bheil ’e air a thairgse dhuinne ann san t soisgeul. C. Co iad d’ am bheil Criost air a thairgse ann san t soisgeul? F. Ni h ann do na creidmhich amhain, ach do na h uile ’ta ’g eisteachd an t soisgeul, eadhon do na peacaich as mo, Mar. 16. 15. Rom. 10. 18. Is. 45. 22. agus 46. 12. C. Co leis am bheil Criost air a thairgse dhuinn ann san t soisgeul? F. Ata è air a thairgse le Athair, leis fein, le a Spiorad, agus le a mhinisteridh, Mat. 22. 2, 3. Isa. 65. 1. Tais. 3. 20. 22. Mar. 16. 15. C. Creud iad na cumhnantaibh air am bheil Criost air a thairgse dhuinne? F. Ata e air a thairgse. 1. Gu saor, gun airgiod no luach, no gun suim no meas do ni maith air bith ionnaine, ach amhain do ar feum’ ne, Isa. 55. 1. agus 65. 1. 2. Ata Criost air a thairgse dhuinne gu h iomlan, agus gun roinn, ’na uil’ oifigeadh, mar Fhaidh, mar Shagairt, agus mar Righ, agus ’s eigin dhuinn gabhail ris air gach doigh dhibh sin, mar dh’ ainmeachadh roimh laimh. C. Am bheil neach air bith d’ am bheil Criost air a thairgse, ag diultadh gabhail ris? F. Ata chuid as mo ’g a dhiultadh sin, Eoin 1. 11. Is. 53. 1i C. Co an dream a mheasar ’nan luchd diultaidh Chriost? F. Na h uile nach’ eil ag creidsin aithris an t soisgeul, agus nach ’eil a’ gabhail ris an tairgse ataid ag faghail. C. Am bheil creidimh slainteil na dhearbha cinntich air ar roimh thaghadh chum beatha shiorruidh? F. Ata, agus ata è air a radh, “Chreid a [TD 343] mheud ’s a bha orduighte chum na beatha mairtheanaich,” Tit. 1. 1. Gniomh. 13. 48. C. C’ ar son a deirir creidimh priseil ann san sgriobtur ris? 1 Phead. 1. 7. 2 Phead. 1. 1. F. Do bhri’ gu bheil Dia ’g a onorachadh chum bhi ’n a mheadhon air ar fireanachadh, chum bhi mar shuil an anama, a bheachducha’ air Criost, mar lamh a ghreamacha’ ris, agus’ na chuing ’g ar ceangal ris sin; ’s e creidimh tobar nan gràsaibh eile, agus ’s an uaith’ ataid ag oibreachadh: is e meadhon ar beatha, agus gach leasachadh spioradail, agus ’s an uaithe ’ta ar sith agus ar gairdeachas ag srutha, Rom. 5. 2. 4. & Eph. 3. 17. Gal. 2. 2. Rom. 15. 13. C. C’ ar son ata Dia a’ cur urraid onoir air creidimh o’s gach gráis eile? F. Do bhri’ gu ’m bheil creidimh ag cur na h onoir a’s airde air a Mhac gradhach san, agus gur taitneach leis innleachd Dhe ann ar teasairgin trid sin, ata e ag rusgadh a chreatuir o gach aobhar uaill, agus ag arduchadh saor ghràs, ata e toirt gloir ar slanuicheadh gu leir do Dhia, ni as ro thaitneach leis, Mat. 17. 5. 1 Phead. 2. 7. Rom. 3. 27. agus 4. 16. Eph. 2. 7, 8. C. Creud iad na comharthaidh leis an aithnigh sinn am bheil fior chreidimh aguinn? F. Ata mòr mheas do Chriost ag teachd o ’n fhior chreidimh, ata e g oibreachadh trid gràidh; ata e maothacha’ agus ag glanadh a chridhe, is nòs leis e fein a chur amach ann an urnaigh, agus ann deagh oibridh, agus fuasglaidh e ’n cridhe o nithe talmhaidh, 1 Phead. 2. 7. Gal. 5. 6. Marc. 9. 24. Gniomh. 15. 9. Eabh. 4. 14, 16. Seam. 2. 18. 2 Cor. 4. 18. C. Ann ionnan tomhas ata aig gach creidmhich do ’n chreidimh shlainteil so? F. Cha ’n ionnan; oir ata cuid anmhunn, ’n uair ata cuid eile neartmhor. [TD 344] C. Cionnas ata anmhuinneachd a chreidimh ’g a nochdadh fein? F. Ann am moran amharais agus teagamh mu na geallaibh, ann bhi ’g earbsa ris na meadhona n’is mo na re Criost, ann am moran do ’n bheatha chaithe le mothachadh, bhi ain-earbsach a Dia, agus ag fannachadh ann la na triobloid. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn am bheil ar creidimh fior agus slainteil, a measg coi’-lion comharth’ air anmhuineachd, agus neo’-chreidimh? F. Is comharthadh maith air, ma bhios an t anam san cheart am re bròn air son a neo’-chreidimh, ag eigheach air son tuilleadh creidimh, agus ag dearcadh gu treimh-dhireach air Criost air son fireantachd, is neart. C. Creud iad na comharthaidh leis an aithinghear creidimh laidir? F. Far am bheil creidimh laidir bithidh suil aig an anam re gloir an fhir shaoruidh ’n a uile ghniomhartha; bithidh gradh Chriost a’ coi’-eigneachadha ’n is cumhachdaicheadh thoirt fuath do ’n pheacadh agus gu caitheamh beatha diadhaidh, na dh’ fheadas eagal ifrinn, no dochas duais a dheanamh; ni an t anam gairdeachas ann triobloid, agus bithidh e ’g a chleachduin fein re cliu agus moladh; bithidh earbs’ a Dia ann sgach cunntart, agus ann sgach aobhar mi-mhisneich, agus bithidh ’s e ag amharc air tairisneachd Dhe le deagh mhuinghin. Ceist LXXXVII. Creud is aithreachas chum na beatha ann? F. Aithreachas chum na beatha, is gràs slainteil e, leis am bheil am peacach (air mothachadh dh’ a gu ceart d’ a pheacadh fein, agus do throcair Dhe ann an Criost) le doilghios, agus le fuath do ’n pheacadh, [TD 345] agus iompochadh uaithe gu Dia, le lan run, agus gna-’thairgse nuadh umhlachd a thabhairt dh’ a. C. C’ ar san a deirir gràs slainteil re h aithreachas? F. Faic a fhreagra so roimh laimh mu thimchioll creideamh. C. C’ ar son a deirir ann so, aithreachas chum na beatha ris? F. Do bhri’ gur meadhoin fheumail è, chum righeachd air beatha shiorruidh, agus chum eidir-dhealuchadh o dhoilghios an t saoghail a dh’ oibricheas chum bàis, Gniomh. 11. 18. 2 Cor. 7. 10. C. Creud e doilghios no bròn an t saoghail? F. An ni sin ris an abair sinn aithreachas an lagha, o nach ’eil ni maith air bith ag srutha; air bhi dh’ a amhain, ’n a dhoilghios air son cuid do pheacaidh mor agus granail, agus air son eagal feirge; ach cha ’n ’eil è ’n a dhoilghios air son gach uile pheacadh, mar ’ta è toirt eas-onoir do Dhia, ni ata ann san dream ata re aithreachas do reir a t soisgeul. C. Am fead duin’ air bith righeachd air aithreachas do reir an t soisgeul, le cumhachd a nadurra fein? F. Cha ’n fhead, oir ata ’n cridhe thaobh nadurra cosmhail re cloich, agus cha ’n fhead ni air bith ach Spiorad De atharracha’, agus cridhe feola a thabhairt, do reir, Esec. 36. 26. C. Creud iad na nithe ata ann an fior aithreachas, mar ata iad air un cuir amach ann san fhreagradh? F. An t sea sin, eadhon, 1. Mothacha ceart do ’n pheacadh. 2. Breunachadh do throcair Dhe ann an Criost. 3. Doilghios air son peacaidh. 4. Fuath do ’n pheacadh. 5. Pilleadh o ’n pheacadh. 6. Pillidh re Dia, agus re slighe na nuadh-umhlachd. [TD 346] C. Creud é am mothachadh ceart sin do ’n pheacadh ata feumail ann an aithreachas chum na beatha? F. Sealladh do chionta, do aingidheachd, agus do uathmhorachd a pheacaidh, a mhaothaicheas an cridhe, agus d’ ar staid chailte d’ a thaobh, agus nach urradh sinn sinn fein a theasairgin uaithe, ni ata ag lot’ agus a’ cloidh na coguis, agus ag lionabh na h inntin le amladh, agus mi shuaimhneas, gus am faic i cail-eigin do aobhar dochais, Sal. 38. 3, 4. Gniomh. 2. 37. C. C’ ar son ata leithid so da mhothachadh feumail do ’n dream ata fior aithrighte? F. Chum ’s gu ’m bithidh am peacadh fuathach, agus Criost luachmhor nan suilibh; oir ’s iad na h anamaibh ea-slan sin amhain d’ am bi an leigh priseil, Mat. 9. 12. C. Nach ’eil moran a dh’ fheadas bhi fuidh dhoilghios le mothachadh peacaidh, nach ’eil ag teachd gu fior aithreachas? F. Ata, oir is tric le geur mhothachadh agus triobloid air son peacaidh, bhi as eagmhuis fior iompocha’. C. Creud an t eider-dhealuch ata eidear an geur mhothachadh, agus an triobloid ata ann daoinibh neo’-iompoighte, agus an dream ata re fior aithreachas? F. Ata a’ mothachadh agus an triobloid ata ann san dara h aon, amhain air son cuid do pheacaidh graineil ag teachd o choguis nadurra, agus eagail ifrinn, agus cha mhair iad ach tamall, agus ata meadhona nadurra ’g an leighis: Ach ata geur mhothachadh agus doilghios an aon eile, air son gach uile pheacadh, ann san chridhe agus ann sa bheatha diomhair agus foilleiseach ataid ag srutha o Spiorad De, agus o shealladh do ’n olc ata sa pheacadh, agus an ea-coir ata è ag deanamh air Dia, ataid ag buanachadh, agus air an leighis le fuil Chriost amhain. [TD 347] C. Creud ata thu cialluchadh leis a bhreithneachadh sin do throcair Dhe, ata feumail ann am fior aithreachas? F. Gu ’m bheil è feumail a thoirt peacach chailte gu fior aithreachas, gun toir è fa near gu bheil Dia trocarach; ullamh a thoirt maitheanais, agus bhi reidh re seachranaich a philleas le fior aithreachas. C. C’ ar son ata so feumail? F. Do bhri’ as eagmhuis so, gu ’m bithidh geur mhothacha do ’n pheacadh ullamh a thilgeadh an anama ann ea’ dochas, mar rinn è air Judas. C. Creud an doigh air am bheil trocair, Dhia air a taisbeanadh do pheacaich chiontach? F. Amhain trid Chriost an t eidir-mheadhoinear, neach a thug lan dioladh do cheartas De air son peacaidh. C. Am fead trocair neo’-fhuasgailte no maitheas coitchinn Dhe, m’ a seadh fuasgladh a thoirt do ’n pheacach a bhithis air a bhioradh? F. Cha ’n fhead; do bhri’ gu ’m bheil Dia mar an ceadna, neo’-chriochnach ann ceartas agus ann naomhachd, agus uime sin, ’s eigin gu ’m bi è na theine dian-loisgeach, do pheacaich nach ’eil ann an Criost. C. Creud è am fior dhoilghios air son peacaidh ata feumail ann an aithreachas? F. Bròn agus tursadh cridheil an anama air son ni co ghraineil ris a pheacadh chuir ann gniomh, agus sin, gu sonruighte do bhri’ gu ’n d’ rinn am peacadh dimeas air Dia, agus gun d’ thug è eas-onoir dh’ a san, gun do cheus è Criost, gun do chuir s e doilghios air an Spiorad naomh, gun do chuir e mi-dhreach air ar ’n anamaibh, agus gu do thruaill e iad, gun d’ fhag e neo’-chomasach sinn air gloir a thoirt do Dhia, agus gu do dhruid e ’mach sinn o cho’-chomunn a bhi aguinn ris sin. [TD 348] C. Ciod am fuath sin do ’n pheacadh ata feumail ann am fior aithreachas? F. Ata fuath le ’r ’n uile chridhe thabhairt dh’ a, mar an ni sin as graineileadh air bith, agus bhi gabhail grain dh’ inn fein air a shon, Jer. 31. 19. C. Am fead neach air bith ata ag toirt fuath do ’n peacadh sugradh a dheanadh dheth? F. Cha ’n fhead. C. Ciod uime ata luchd fior aithreachais ag toirt fuath do ’n pheacadh? F. Do bhri’ gur ro fhuathach le Dia am peacadh, oir is è murt-fhear Chriost, agus namhaid an anama è. C. Ciod an ghne fhuath ata am fior aithrighte a toirt do ’n pheacadh? F. 1. Fuath mor agus naimhdeil, a bheir air dicheall a dheanamh chum a bhuain freamh as bonn as an anam, agus a sgrios gu tur. 2. Is fuath iomlan è, oir do bhri’ gu ’m bheil am fior aithrighte ag toirt fuath do ’n peacadh mar pheacadh, ’s eigin gun toir e fuath do gach aon pheacadh, diomhair agus foilleiseach, taitneach, no buineach, ann fein, no ann daoin’ eile, Rom. 7. 24. Sal. 119. 128. C. Nach cuid priomh shonruighte do ’n fhior aithreachas bhi ag pilleadh o ’n pheacadh? F. Seadh. C. Ciod an ghne philleadh a’s eigin a bhi ann? F. 1. ’S eigin dh’ a bhi ’n a philleadh o ’n pheacadh leis an uile chridhe, agus le fior dhoilghios air a shon, agus fuath iomlan dh’ a, Sal. 38. 18. Esec. 36. 31. 2. ’S eigin dh’ a bhi na philleadh o gach aon, pheacadh thaobh cridhe agus beatha mar aon, gun pheac’ air bith a chaomhnadh le fhios, Esec. 18. 31. 3. ’S eigin dh’ a bhi na philleadh re Dia, agus re slighe na nuadh-umhlachd, Isa. 1. 16, 17. Isa. 55. 7. [TD 349] C. Am bheil pilleadh o ’n pheacadh do ghna’ na comhartha cinnteach air fior aithreachas? F. Cha ’n ’eil do ghna’, oir ata sinn ag leaghadh air cuid ata pilleadh, ach ni h ann ris an ti as ro airde; feadaidh iad sgur do ’n olc, gun a’ maith fhoghlum; feadaidh iad pilleadh o aon pheacadh gu peac’ eile, o mhio-naomhachd gu saoibheallachd, no o ann-danadas gu ea’-dochas, Hos. 7. 16. Jer. 4. 1. C. Nach ’eil è ’na chomhartha cinnteach air fior aithreachas, ’n uair a philleas duine re Dia ann lorg dh’ a pilleadh o ’ n pheacadh? F. Ata; oir is iad an dias sin, priomh nadurra an fhior aithreachais. C. Creud é bhi ag pilleadh re Dia an ni ann sam bheil nadurra an fhior aithreachais ag co’-sheasamh? F. Ata è gabhail a steach ann, 1. Sinne bhi ag teachd a dh’ ionnsuidh Dhia trid Josa Criost, air son maitheanas cionta, agus glanaidh uaithe. 2. Sinne bhi ag deanamh roghain air Dia mar ar Dia ne. 3. Ar cridheachaibh agus miannaibh ar n anama bhi dol amach ’n a dhiaidh mar ar cuimh-roinn agus ar ’n ard-shonas. 3. Bhi ’g ar toirt suas gu h umhal d’ a sheirbheas sin, Isa. 55. 7. Jer. 3. 22. Isa. 26. 8. Sal. 119. 57, 58, 59. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn ma bhios ar pilleadh o ’n pheacadh re Dia fior agus da rireadh? F. ’N uair, a bhios lan run, agus oirp’ threibh-dhireach air nuadh-umhlachd na cho-chuideachd, oir cha ’n ’eil run buanacha’ san pheacadh, no bhi dearmadach ann an seirbheas an Tighearna ag co-sheasamh re fior aithreachas. C. C’ ar son a deirir nuadh-umhlachd re umhlachd a’ chreidmhich aithrighte? F. 1. Do bhri’ gu ’m bheil i ag srutha o nuadh-bhunachar, eadhon, o chreidimh agus o ghradh. 2. Ata criocha nuadh aice, cha ’n ann chum tairbh shaoghalta, ach a thoileacha Dhe, agus a [TD 350] chur a ghloir sin air a h aghaidh. 3. Ata i air a cur ann gniomh air doidh nuadh, leis an uile chridhe, agus le creidimh ag amharc re Criost chum neart fhaghail uaithe sin, ann a deanamh, agus air son fireantachd chum ’s gu ’m bithidh i taitneach do Dhia. C. Creud a bhar’ ail a bhios aguinn air aithreachas na droing a chaitheas am beatha ann dearmad an dleasdanais, no ann gniomhartha a pheacaidh ann diaidh laimh? F. Feadaidh sinn a mheas nach roibh an aidmheil aithreachais a rinn iad neo’-mheangail. C. Am fead duin’ air bith duil a bhi aige re maitheanais ciont’ agus slainte, as eagmhuis aithreachais? F. Cha ’n fhead; oir dh’ innis Criost gu soilleir dhuinn, “mar gabh sibh aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceadna,” Luc. 13. 3. C. Am fead duine dail a chuir ann aithreachas gus an d’ thig é gu leabaidh báis? F. Cha ’n fhead air doidh air bith; oir ata am bàs ag teachd air moran gu h obain, ni mo ata è ’n ar comas dh’ inn fein, aithreachas a chur ann gniomh ’n uair is aill leinn, agus ata daoin’ air an cruadhachadh san pheacadh, le bhi buanachadh ann. C. Am bheil aobhar dochais gu h aithreachas aig an dream àta aosda sa pheacadh, agus aca san a bha aingidh air doigh fhoilleiseach? F. Ata; oir ’ta Dia ag radh mu ni iad aithreachas, gun toir e maitheanas gu saibhear, Isa. 55. 7. Agus ata eisempleire aguinn gu d’ rinn è so, 1 Tim. 1. 13, 14, 15, C. Ach cionnas a rigeas sinn air fior aithreachas? F. ’S eigin dhuinn iarruidh gu durachdach o Dhia, agus bhi tagradh air a gheallaibh gu toir è so do ’n dream a dh’ iarras air sin è, Esec. 36. 26, [TD 351] 37. Agus bhi gu tric ag amharc air Criost air a cheusadh, neach a lot sinne le ’r peacaidh, Sech. 12. 10. C. Nach eile è air a radh mu Esau nach “d’ fhuair e àit’ aithreachais, ge do dh’ iarr e gu durachadh le deuraibh e?” Eabh. 12. 17. F. Ni bheil e air a radh ann sin, gu d’ iarr Esau gràs an aithreachais o Dhia air son anama fein, ach amhain, gu d’ iarr e air athair Isaac aithreachas a ghabhail, ann sa bheannuchadh thoirt d’ a bhrathair Jacob; ni gu deimhein nach feadadh è fhaghail: Ach bu mhaith dh’ a am bithidh è co churamach a dh’ iarruidh beannuchadh Dhia as a bha e a dh’ iarruidh beannuchaidh athar. C. Nach ’eil iomad cosamhlachd fealtach air aithreachas a bu choir dhuinn an seachnadh? F. Ata; dh aid’ ich Saul a pheacadh, thaisbein Ahab bròn air a shon, bha Judas, agus Felix air am bioradh, agus lan eagail; ach cha do phill a h aon dh’ ibh sin re Dia trid Chriost chum trocair fhaghail. C. Am bheil feum aguinn air aithreachas amhain ann ar ceud philleadh re Dia? F. Ata feum aig na creidmhich trid am beatha gu h iomlan bhi re aithreachas gach la, agus bhi teachd chum fuil Chriost, do bhri gu bheil iad ag peacachadh gach aon la trid anmhuinneachd, agus ag teachd gaoirid ann sgach dleasdanas. Ceist LXXXVIII. Creud iad na meadhona o ’n leith muigh leis am bheil Criost a’ co’-pairteachadh ruinne sochaire na saorsadh? F. Is iad na meadhona sin orduighe Chriost, gu h airid am focal sacramainte, agus urnaigh, ata gu h uile air an deanamh eifeachdach chum slainte, do na daoinibh taghta. [TD 352] C. Creud ata thu cialluchadh le orduighe Chriost ann so? F. Gach uile mheadhoin gràis, agus slainte dh’-orduigh e ann a fhocal. C. Nach fhead sinn riaghalta a dh’ orduighe le daoinibh a ghnathachadh chum ar leas spioradail? F. Cha ’n fhead; oir ata Spiorad De ag radh adhradh fein thoile, agus nithe diomhain riu sin, agus uime sin, cha ’n fhead sinne duil a bhi aguinn re beannugha Dhia orra, Col. 2. 23. Mat. 15. 9. C. Creud iad sochaire na saorsadh ata air an co’-pairteachadh ruinne ann gnathachadh riaghaltaibh Chriost? F. Is iomad sin, eadhon, eòlas, geur-mhothachadh, iompochadh, creidimh, aithreachas, logha cionta, sith, beatha spioradail, neart, &c. C. Creud iad na h orduighean leis am bheil Criost a’ co’ pairteachadh nan sochaire sin ruinne? F. Iad sin, eadhon, am focal, sacramainte, urnuigh, buidheachas, ministreileachd an t soisgeul, riaghluchadh, & smachducha’ eaglais, trosga crabhach, boide coluadar, agus smuainteadh diadhaidh, fein cheasnughadh, &c. C. C’ ar son a deirir meadhona gráis agus slainte ris na h orduighean sin? F. Do bhri’ gur h ann leo sin, agus d’ an trid, ata an Spiorad naomh a’ co’-pairteacha’ gràis re anamaibh a luchd muintir, agus le sin a’ cur an slainte sin air a h aghaidh. C. Co do na h orduighean sin d’ am bheil e deanamh feum gu h airid chum na criche so? F. Ata è gu h airid ag deanamh feum do ’n fhocal, do na sacramainte, agus urnuigh, ach ni bheil so, ag cur na cuid eile dhiubh air cul, oir ataid feumail mar an ceadna, chum na criche so. [TD 353] C. C’ ar son a deirir meadhona na slainte o ’n leigh muigh ris an triuir sin? F. Chum an eidir-dhealuchadh o na meadhona san leith stigh, eadhon, smuainte crabhach, creidimh aithreachas, & an leithide sin. C. C’ ar son a deirir na meadhona gnathaichte riu sin? F. Do bhri’ gur h ann leo ata Dia gu tric, agus gu coitcheann ag co’-pairteachadh a ghràis sin. C. Nach ’eil Dia air uairibh ag deanamh feum do mheadhonaibh neo’-ghnathaighte a dh’ iompochadh pheacach? F. Ata; mar thachair ann sna ceud linnibh do ’n t soisgeul, rinn e feum gu tric do ghibhte miorbhuileach teanguidh, a shlanachadh, a thilgeadh ’mach dheamhain, chuir è ’mach breitheanais, guthan, agus crith-thalmhain o neamh, mar mheadhonaibh a dh’ iompochadh dhaoine, mar thachair do Phol, & do fhear coimhid a phriosinn. C. Am bheil na h orduighean nam meadhona slainte do na h uile ’ta ’g a mealtain? F. Cha ’n ’eil; ach ’n a àite sin, ataid nam boltrach bàis chum bàis do mhoran, aig am bheil iad, agus ata ’g a mio ghnathachadh, 2 Cor. 2. 16. Isa. 55. 11. C. Co d’ am bheil iad air an deanamh eifeachdach chum slainte? F. Do na daoinibh taght’ amhain. C. Cia uaithe ’ta an eifeachd so ann sna h orduighean? F. Cha ’n ann uapadh fein, ach o bheunnachadh, agus o Spiorad De, 1 Cor. 3. 7. Ceist LXXXIX. Cionnas ata am focal air a dheanamh eifeachdach chum slainte? F. Ata Spiorad De ag deanamh leughadh an fhocail, ach gu h airid a shearmonacha’, na mheadhoin eifeachdach chum [TD 354] peacaich fhagail ris, agus d’an iompochadh, agus d’ an togbhail suas ann an naomhachd, agus an co’-fhurtachd trid creidimh chum slainte. C. Ciod ata deanamh an fhocail eifeachdach chum slainte? F. Spiorad De. C. Cionnas as coir dhuinn am focal a ghnathachadh am b’ aill leinn gu ’m bithidh e eifeachdach chum slainte? F. ’S eigin dhuinn bhi ’g a leughadh agus ag eisteachd a shearmonachadh mar aon. C. Creud am feum ata aguinn air dol a’ dh, eisteachd searmoinibh, ’n uair a dh’ fheadas sinn am biobul agus searmoine co mhaith a leaghadh aig an tigh? F. Do bhri’ gu ’m bu taitneach le Dia, le aimeadachd an t searmonachaidh iadsan a theasairgin ata creidsin: agus ata è ’g ar gairm a dh’ eisteachd chum ’s gu ’m bithidh ar ’n anamaibh beo, oir (’deir se) is ann o eisteachd a thig creidimh, 1 Cor. 1. 21. Isa. 55. 3. Rom. 10. 17. C. Nach ’eil iadsan ag deanamh tair air orducha De chum anamaibh a theasairgin, ata re tair air searmonachadh an fhocail? F. Ata. C. Nach h e leaghadh an fhocail ordugha’ Dhe chum iompochaidh comhaith r’ a shearmonacha’? F. Is è, mar ata dearbhadh aguinne o, Dheut. 17. 19. Gniomh. 8. 28. Col. 4. 16. C. C’ ar son a deirir ann san fhreagadh gu h airid searmonachadh an fhocail? F. Do bhri’ gur h i toil De, searmonachadh an fhocail onorachadh a chur impidh air dhaoinibh, agus d’an iompochadh, n’ is trice agus ni as gnathaichte, mar ’ta è soilleir o ’n sgriobtur, agus o fhidreacha’ dhaoine, 1 Cor. 1. 21. Mat. 28. 19. Rom. 1. 16. Rom. 10. 14. 15. 16. 17. Gniomh. 2. [TD 355] 37. agus 4. 2. 4. agus 6. 7. agus 8. 5, 6. agus 10. 44. agus 11. 19. 20. agus 13. 48. agus 17. 3, 4. agus 18. 8. 9, 10. agus 26. 18. C. C’ ar son ata searmonachadh an fhocail co mhor air onorachadh? F. Do bhri’ gur riaghailt shuidhighte air ordughadh le Dia è chum am focal a shoilleireachadh, agus a cho chuir, d’ am bheil e a’ deanamh feum, chum anamanna a dhusga’, a chur impidh orra, g’ an cronachadh, g’ an comhairleacha’, agus a thoirt co’-fhurtachd dhoibh, agus a labhairt gu soilleir sonruighte re coguisibh dhaoinibh. Agus do bhri’ gu ’m facadh Dia iomchuidh ministreileachd sheasmhach ordughadh ’n a eaglais chum na criche sin, feadaidh sinn duil a bhi aguinn, gu ’n gabh e ris, agus gu beannuigh se e, 2 Tim. 4. 2. Gniomh. 26. 18. 2 Cor. 5. 20. Eph. 4. 12. Mar bha aig Dia faoi ’n lagh an dream a bha mineachadh an fhocail, agus a toirt air a phobul a thuigsin, mar sin faoi ’n t soisgeul, ata ministreileachd aige ’ta toirt mothachadh do dhaoinibh, leis am bheil diomhaireachd an cridheachan air an soilleireachadh, Neh. 8. 8. 1 Cor. 15. 24, 25. C. Nach bithidh e na b’ fhearr a chur impidh air dhaoinibh, agus d’ an iompochadh, aingeal, no aon o na mairbh a chur d’ an ionnsuidh? F. Cha bithidh; oir ata co’-duchadh ni as treise aguinne, air cinnt, firinn, agus diadhachd an fhocail, na dh’ fheadadh bhi aguinn le ’n leithidibh sin do thaisbean, air achd, is mu se ’s nach eisd daoine ris na faidhean, agus na h abstolaibh, ni mo chuirt impidh orra ge do eireadh neach o na marbhaidh, Luc. 16. 31. C. Ciod e am feum ata Spiorad De ag deanamh do ’n fhocal chum daoine theasairgin? F. Ata e ag deanamh feum dheth, chum an ciont a leigeil ris do pheacaich, agus d’ an iompochadh, agus chum na naoimh a thogbhail suas, mar ata e ann fan fhreagradh. [TD 356] C. Cionnas ata ’m focal air a dheanamh na mheadhoin chum an ciont a leigeil ris do pheacaich? F. Le bhi ag rannsughadh ’mach peacaidh diomhair, agus a nochdadh smuaintibh, agus runaibh a chridhe, agus le bhi cur ’n ar fia’ nais olc agus naimhdeas a pheacaidh, ann an dimeas a dheanamh air Dia, truaill’-eachd a pheacaidh ’ta ’g ar fagail graineil ann a lathair sin, agus ciont a pheacaidh, ata ag tarruing fearg agus dòruinn shiorruidh oirne, Eab. 4. 12. Gniomh. 2. 37. C. Cionnais ata am focal air a dheanamh na mheadhoin iompochaidh? F. Ata Spiorad De ag sgriobhadh bagraibh, àitheantaibh agus geallaibh an fhocail air a chridhe: air achd is gu bheil an t anam air a thoirt fuidh smuaintibh cud-thromach mu chinnt, agus firinn nithe an t saoghail eile, m’ an olc ata sa pheacadh, agus mu oirdheirceachd Chriost agus na naomhachd; leis am bheil an duine o cheum gu ceum air atharrachadh gu bhi na nuadh chreatuir. C. Nach ’eil eidir-dhealuch eidear peacach a bhi air a bhioragh leis an fhocal, agus fior iompochadh? F. Ata; oir feadaidh peacach bhi air a bhioradh as eagmhuis iompochaidh, ach cha ’n fhead e bhi air iompochadh gùn gheur mhothachadh. C. Nach ’eil eifeachd an fhocail ro iongantach ann an iompochadh? F. Ata; agus air an aobhar sin, ata an sgriobtur ’g a chosamhlachadh, re uisge, re solus, re teine, re h ord, agus re cloidheamh, Isa. 55. 10. Sal. 119. 105. Jer. 23. 29. Eabh. 4. 12. C. Cionnas ata fearta iongantach an fhocail air an taisbeanadh? F. Ann san ni so, eadhon, gùm bheil aon fhocal soilleir dheth, ’n is treise a bhuadhacha’ air an anam, no na riosunaibh as cumhachdaiche, agus na h argumainte is neartmhora ’ta ann comas [TD 357] dhaoine; ata è air uairibh a’ grad atharracha’ seoladh a chridhe agus sruth nan ciat fadha, gu sruth-chlais eile, ata è cur an abhearsoir as àite, agus ag tilgeadh sios a dhaingneachadh laidir; ata e cur impidh air daoinibh a cheusadh an ain miannaibh is ion-mhiannuiche leo, a chuir ann aghaidh a bhuaireadh as treise, bheir e air daoinibh, sealladh fhaicsin do nithe nach roibh aca roimhe sin, agus fuath a thoirt do ’n ni d’ an d’ thug iad speis, agus speis do ’n ni d’ an d’ thug iad fuath roimh sin: seadh fòs, ata an t atharrachadh co-mhòr ata ’m focal ag deanamh ann an iompochadh, is gu bheil an sgriobtur ag radh cruthachadh, aith-ghineamhuin, agus ais-eiridh ris. C. Creud é sin iompochadh? F. Bhi ag cur agus a’ suidh’-eachadh criocha agus fonn nuadh ann san anam, leis am bheil atharrachadh iomlan air oibreachadh ann san inntin-ann sa chridhe agus ann sa bheatha; mar so, ’ta ’n duine air a philleadh o ’n chreatuir a dh’ionnsuidh Dhe, o fhein speis chum Chriost, agus o ’n pheacadh chum a dhleasdanais: ata an t anam air a dheanamh cosmhuil re iomhaidh Dhe, agus an toil air a ceannsughadh d’ a thoil sin; agus ata an duine curamach a toileachadh Dhe, le beatha naomhadh, ann aon fhocal, is ionan do iompochadh is do ath-ghineamhuin agus do ghairm eifeachdach, faic tuilleadh dheth so roimh laimh air 31. Ceist. C. Creud am feum ata san fhocal do ’n dream ata air an iompochadh? F. Ata e g an togbhail suas ann naomhachd, agus ann co’-fhurtachd trid creidimh chum slainte, Gniomh 20. 32. 1 Tim. 3. 15. Rom. 15. 4. C. Creud ata r ’a thuig sin le bhi togbhail suas na dream ata iompoighte? F. Ata è cialluchadh gu bheil deadh bhunachar air a leagail, ann nan creidimh ann Criost air [TD 358] a cheusadh, agus le ’n socruchadh air sin, agus le bhi ag faghail gràis uaithsin. 2. Ata e cialluchadh gu ’m bheil iad a’ fàs ann gràs, agus gu bheil tuilleadh eòlais, creidimh, graidh, neart, naomhachd, agus co’-fhurtachd air an luidh’-easacha orra. C. Creud as seagh do naomhachd? F. Is fonn anama chum beatha nuadh so, a bheir air duine fuath a thoirt do gach uile pheacadh, agus gradh a thoirt do gach ni ata fior-ghlan agus taitneach do Dhia, agus bhi ag oirpeachadh a chridhe, agus a bheatha gu leir a bhi cosmhuil re nadurra agus toil De. C. Cionnas ata ’m focal ag togbhail dhaoin’ iompoighte an naomhachd? F. 1. Le bhi ag leigeil ris dhoibh neo’-iomlanachd an gràsaibh agus an dleasdanaisibh. 2. Le bhi aig rannsughadh ’mach agus a’ cronachadh gach peacadh diomhair agus gach ainmiann. 3. Le bhi nochdadh dhoibh olc agus mi-dhreach a pheacaidh ni as mo, agus ni as mo. 4. Le bhi ’g an neartuchadh ann aghaidh buaireadh an Diabhoil. 5. Le bhi ag seoladh an dleasdanais dhoibh, agus ag nochdadh tuilleadh agus tuilleadh do mhaise na naomhachd dhoibh, agus do ’n fheum ata aca orra. 6. Le bhi cur fa ’n comhair eisempleiribh ion-leanmhuin Chriost, agus nan naomh air am bheil aithris ann sna sgriobtuir. 7. Le bhi ’g an sdiuradh c’ àit’ an coir dhoibh dol, chum neart fhaghail ann sgach dleasdanas. C. Cionnas ata am focal ’g an togbhail suas ann an co’-fhurtachd? F. 1. Le bhi toirt comharthaidh agus dearbhadh dhoibh air obair nan gràs nan anamaibh fein. 2. Le bhi ’g an tabhairt chum geallaibh fuarachaidh maitheanais cionta trid fuil Josa Criost. 3. Le bhi nochdadh nan geallaibh dhoibh ata air buan-mhaireachduin ann gràs, agus air freasdal nuadh neart, chum obair, agus cogaidh, dleas- [TD 359] danais, agus d’ fheuchain. 4. Le bhi toirt lan dearbhadh dhoibh air nadurra neo’-chaochlach graidh Chriost, agus an nuadh-cho’-cheangail ata air a dheagh riaghluchadh. 5. Le bhi toirt seallaidh dhoibh air na nithe mor agus glormhor ata air an taisgidh fan comhair na dhiadh so. C. Cionnas ata an Spiorad leis an fhocal ag togbhail suas nan naomh ann naomhach agus ann c’-fhurtachd? F. Ata e ag deanamh so tre creidimh, no le iad fein a bhi cur creidimh ann gniomh air firinnibh, agus geallaibh an fhocal; leis am bheil iad gu daingean ’g an dlu’ ghabhail, agus ag tarruing beatha an anamaibh uapadh, Gniomh. 15. 9. Rom. 15. 13. 1 Phead. 1. 5. 6. C. C’ ar son ata co beag eifeachd aig an fhocal san linn so, a dh’ iompochadh agus a thogbhail suas? F. Do bhri gu do bhrosnuigh sinn spiorad De chum tarruing air ais o shearmonachadh an fhocal, agus nach ’eil sinn ag teachd ’g a ionnsuidh le deasachadh agus urnuigh, le creidimh agus tuir air aireadh; no gu bheil an deagh shiol ag tuiteam air na creagaibh, air an roid mhòr, no ’measg dhroighionn. Ceist XC. Cionnas as coir am focal a leughadh, agus eisteachd chum ’s gu ’m bithidh se eifeachdach chum slainte F. Chum ’s gu deant’ am focal eifeachdach chum slainte, is feumail dhuinne aire thabhairt dh’ a le ulluchadh, le dicheall, a ghabhail chugain le creidimh, agus gradh, a chur ann taisge ann ar cridheachan agus a chuir ann gniomh ann ar beatha. C. Am bheil focal De efeachdach do na h uile ata ’g a leughadh agus ’g a eisteachd? [TD 360] F. Cha ’n ’eil; oir ata moran ’g a leughadh agus ’g a eisteachd seadh fos, ’g a thuigsin, nach ’eil ’g a chreidsin da ri readh. C. Am bheil e laghail do ’n phobul choit chinn na sgriobtuire a leaghadh? F. Ata; oir dh àithn’ Criost e, agus ata muintir Bherea air an cliuacha’ air a shon, Eoin. 5. 39. Gniomh. 17. 11. C. Am bheil barrantas ac’ am focal a shearmonacha mar an ceadna? F. Cha ’n ’eil barrantas aig neach air bhith am focal a shearmonachadh, ach an dream aig am bheil gibhte iomchuidh air a shon, agus ata gu dligheach air an gairm chuige sin, Rom. 10. 14. 15. C. Nach bu choir do gach fior Chriostaidh mor ghradh a thoirt do fhocal De? F. Bu choir; oir is e ata ag stiuradh ar beatha, ar comhairleach ann ’s gach tionndach, ’s e ata ’g ar conbhail suas ann la na trioploid, agus an leabhar ann sam bheil gach dearbhadh aguinne air ar sonas neamhaidh. C. Nach bu choir do smuainteachadh air ughdar, crioch, agus co’-stadh an leabhair so, ar brosnuchadh chum a leaghadh gu curamach? F. B’ eadh; oir bu choir dhuinn amharc air mar litir phriseil air a deachdadh le Spiorad De; bu choir dhuin gabhail ris mar litir gràidh o neamh ata fosgladh suas rùn Dhe ann an gràdh d’ ar ’n anamaibh; bu choir dhuinn dol ga ionnsuidh mar ’ar ’n aran lathail, agus ar lòn, agus bhi gach aon la a’ fiosruchadh toil De ann, agus le so, bhi gabhail a chomhairle m’ ar dleasdanas ann sgach càs. C. C’ uin’ bu choir dhuinn am Biobul a leaghadh? F. Ni h ann amhain air la an Tighearna, ach mar an ceadna air laithibh seachd-uin; mar aon moch, agus anmoch, do bhri’ gu ’m bheil feum [TD 361] aguinn air do ghna’, chum ar beothachadh g’ ar dleasdanas, a thoirt misnich dhuinn ann ’s gach d’ fheuchain, fuasgladh ann sgach teagamh, agus neart ann aghaidh gach buaireadh. C. Creud an doigh air am bu choir dhuinn am focal a leaghadh? F. Air thus, bu choir dhuinn amharc suas re Dia chum a bheannugha’ san fhaghail air, agus ann sin, bu choir dhuinn a leaghadh le creidimh, agus le h urram, a bhi ’g a cho’-chuir ruinn fein, mar gu ’m bitheamaid air ar ’n aimneachadh gu sonruighte ann s gach àithne, gealladh, achdmhasan, bagradh, agus co’-fhurtachd ata ann; agus bhi gu curamach ag toirt fainear do na nithe sin a ’s mo ’ta ag freagradh d’ ar staid ne. Agus ann bhi ag leaghadh gach cuid dheth, bu choir dhuinn Criost a bhi aguinn san amharc do ghna’ mar chrioch, suim, agus briogh nan sgriobtuir gu leir. C. Creud an doigh air am bu chcir dhuinn bhi ’g eisteachd re leaghadh agus re searmonachadh an fhocail? F. Ata cuid do nithe r’ an deanamh roi’ laimh, cuid do nithe r’ an deanamh san am, agus cuid do nithe ann diaidh laimh. C. Creud iad na nithe ata feumail roimh eisteachd an fhocail, chum s gu ’m bithidh e eifeadheach chum slainte? F. An dias sin, eadhon, ull’-uchadh, agus urnaigh. C. Creud an t ull-uchadh ata feumail roimh eisteachd an fhocal? F. ’S eigin dhuinn gach smuaintidh agus curam saoghalt’ a chur air cul, agus bhi ’g altrom smuainteadh urramach air morachd Dhe d’ am buin am focal ata sinn r’ a eisteachd; agus bhi toileach gu h iriosal bhi air ar teagasg leis sin. Bu choir dhuinn bhi ag fiosrachadh ar staid, ar ’n uir-easbhuidh agus ar peacaibh, agus bhi deonach cul a [TD 362] chur ris gach peacadh ’ta ’m focal ag diteadh, agus aontachadh leis gach dleasdanas ata am focal ag sparragh oirn’. C. Creud am feum ata air a leithid so do ull’-uchadh, fa chomhair dleasdanasaibh follasach? F. Ata mordhachd, agus eud-mhorachd an De sin, d’ am bheil sinn ag teachd am fogus ag iarruidh so aig ar laimh ne, agus as comharthadh maith gu soirbhich sinn ’n ar dleasdanas, mu bhitheas ar chridhe air a ghleusadh air a shon, Sal. 10. 17. “Ull’-uichidh tu ’n cridhe, agus bheir thu air do chluas gu ’n eisd i.” C. Am bheil am focal ag soirbhicheadh uair air bith air anamaibh nach ’eil air an ull’-uchadh? F. Ge nach ’eil aobhar dochais aca d’ a thaobh so, gidheadh ata Dia ’n a throcair ard Thighearnail, air uairibh ’g a thaisbeanadh fein do’n dream nach ’eil ’g a iarruidh. C. Am fead duin’ air bith dol a dh’ ionnsuidh an fhocail ann earbsa r ’a dheasuchadh fein? F. Cha ’n fhead; ach amhain, ann earbsa re feartaibh Chriost, agus congnamh an Spiorad naoimh. C. Ciod an ghne urnaigh ata feumail roimh eisteachd an fhocail? F. Urnaigh iriosal agus dhurachdach, mar aon gu h uaigneach, agus ann ar teaghlachaibh. C. Creud iad na nithe bu choir dhuinn iarruidh ann ar ’n urnuigh am b’ aill leinn gu ’m bithidh am focal eifeachdach? F. Bu choir dhuinn bhi guidhe gun sdiuradh Dia am fear teagaisg chum focal na firinn a roinn gu ceart, agus a labhairt focail ann am iomchuidh ris na h uile, gun doirteadh Dia amach a Spiorad oirn fein, agus air a choi’ thional gu leir; gu ’n deonaiche eisean a bheannughadh air fhocal fein, chum anamaibh a dhusgadh, iompochadh, agus an togbhail suas. C. Creud ata mar fhiachadh oirne ann am eis- [TD 363] teachd chum ’s gu ’m bithidh am focal eifeachdach chum slainte? F. ’S eigin dhuinn eisteachd le geur aire creidimh, gradh, macantas, agus tim-chridhe, Luc. 19. 48. Ebh. 4. 2. Luc. 24. 32. Seam. 1. 21. 2 Chron. 34. 27. C Ciod a gheur aire ata feumail ann eisteachd an fhocail? F. Aire dhicheallach le ’r ’n inntin a shuidheach’ air an fhocal, agus bhi re faire ann aghaidh gach smuainteadh talmhaidh ann am eisteachd. C. Cia uaitbe ’ta smuaintidh seachranach ann am eisteachd ag srutha? F. O chridhe talmhaidh, o inntin neo’-churamach, o shuilibh luaidhneach, agus o dhroch cleachduin. C. Creud an t olc ata ann an smuainteadh seachranach ann am eisteachd? F. Ataid a cur corruigh air Dia, ataid nan dimeas air uile-leirsineachd sin, ataid ’g ar conbhail o chuimhneachadh an fhocail, ataid ’g a bhacadh o dhrutha air ar cridhe, agus o thoradh a thabhairt. C. Cionnas a bhios sinne air ar coimhid o smuainteadh seachranach? F. Bu choir dhuinn bhi re faire, agus re urnaigh ’n an aghaidh; smuainteadh urramach altrom air latharachd agus uile leirsineachd Dhe, agus bhi curamach tuilleadh graidh a bhi aguinn do ’n fhocal: oir an ni sin d’ an toir sinn speis socruighe sinne ar ’n inntin air. C. Cionnas a sheachnas sin marbhantas, * naimh-leisge, no trom chodal ann am eisteachd? F. Le bhi smuainteachadh gu bheil an Dia mor ag labhairt ruinn, gu bheil beatha agus bàs air an cur far comhair, agus gu bheil gairm aguinne eisteachd air son leas ar ’n anama, 2 Cor. 5. 20. Deut. 39. 19. agus 32. 46, 47. * clo-codail. [TD 364] C. Ciod e an creidimh ata feumail aun leaghadh, agus ann eisteachd an fhocail, chum ’s gu ’m bithidh e eifeachdach chum ar slaint ne? F. Is è an creidimh sin, an t anam a bhi a’ toirt creideas do ’n fhocal mar dhearbh fhirinn, do bhri’ gu bheil è air a dhaingneachadh, agus air a chonbhail suas le fia’ nais De. Mu bhithis ar creidimh an eisteachd do ’n ghne cheart, ’s eigin dhuinn a chreidsin gur h e focal De ata ann, agus gu bheil ann ni ata e ag radh fior agus neo’-mhearachdach, agus ’s eigin dhuinn gabhail ris mar sin; gu sonruighte ris an fhiadhnais a thug Dia dhuinn, a chreidsin gu bheil Dia ag labhairt ruinne mar gu b’ ann air ar ’n ainm, ann sgach gealladh, bagradh, agus achdmhasan ata ’n a fhocal sin, agus uime sin, is coir dhuinn an cuir ruinn fein, agus cha ’n e bhi ’g an cuir uaithne. C. C’ ar son nach roibh searmonachadh an fhocail tarbhach do phobull Israel? F. Do bhri nach roibh è air a choi’ measg’ le creidimh ann san droing a chual è, Eabh. 4. 2. C. Am bheil an droing ata ’g eisteachd an fhocail ann creidimh, a’ gabhail ris mar an ceadna le mor mheas agus le gradh? F. Ata. C. Cionnas ata sin soilleir? F. Le iad a bhi ag feitheamh gu curamach air, agus le bhi ’g a chuir am pries ni as mo na nithe as luach mhora air thalamh, mar ’ta òr, airgiod, agus an lòn saoghalta, Sal. 19. 10, agus 119. 72. 127. Job. 23. 12. C. Creud ata mar fhiacha oirne ann diaidh bhi ’g eisteachd an fhocail, chum ’s gum bithidh é eifeachdach chum slainte? F. ’S eigin dhuinn a thaisgidh suas ann ar cridheacha’, agus a chuir ann gniomh ann ar beatha. [TD 365] C. Creud ata thu cialluchadh le bhi taisgidh suas ann fhocail ann ar cridheachan? F. Urrad àit’ a thoirt do ’n fhocal ann ar tuigse, ann ar meoghair, agus ’n ar ciat fadha, is nach bi e ann comas ni talmhaidh air bith fhogradh amach, ach gu ’m bi sinn ’g a chuimhneachadh ’g a chnuasachd, agus ag smuainteach air, fad ann diaidh laimh. C. Creud an tairbh ata ann bhi taisgidh suas an fhocail air an doidh so? F. Bhithidh è co’-sta’-ch mar shrian d’ ar conbhail air ar ’n ais o pheacadh, Sal. 119. 11. “Dh’fholuigh me t fhocal a’ m’ chridhe, chum ’s nach peacaichin a’ t aghaidh.” C. Creud a nithear re droch mheoghair, nach ’eil ag chobhail an fhocail ann diaidh dhuinn bhi ’g a eisteachd? F. ’S eigin dhuinn saothrachadh chum righeachd air mothachadh do chumhachd an fhocail, agus meas mor a bhi aguinn dheth, oir an ni a bhios luachmhor ’n ar suilibh cha dio-chuimhnich sinn e, mar nach dio’-chuimhneich bean-bainse a seudan, Sal. 119. 16, 93. Jer. 2. 32. C. Ciod is cial do bhi cur an fhocail ann gniomh ann ar beatha ann diaidh eisteachd? F. Bhi ag toirt umhlachd do gach ni ta Dia ann a fhocal a nochdadh dhuinne mar ar dleasdanas, agus bhi ullamh chum a chuir ann gniomh. C. Creud a bharail a bhios aguinn m’ an droing ata ’g eisteachd an fhocail, ach ata gluasachd ’n a aghaidh, agus a’ buanachadh nam peacaidh? F. Feadar a’ meas mar neo’-chreidmhich, agus mar naimhde do Chriost, agus d’ a shoisgeul sin. Ceist XCI. Cionnas ata na sacramainte air [TD 366] an deanamh na meadhona eifeachdadh chum slainte? F. Ata na sacramainte air an deanamh eifeachdach chum slainte, ni h ann o bhriogh air bith ata ionnta fein, no san ti do ni am fritheala, ach trid beannacha’ Chriost amhain, agus oibreachadh a Spioraid sin san droing a ghabhas chuc’ iad le creidimh. C. C’ ar son a dh’ orduigh Dia na sacramainte? F. Chum bhi na meadhona slainte, agus gu sonruighte, a mheuducha’ grais agus co’-fhurtachd a luchd muintir sin, ann an staid an * oil-thire air thalamh. C. Nach ’eil am focal leoir fhaghainteach chum na criche so, a’s eagmhuis nan sacramainte? F. Bu choir dh’ a sinne thoileacha, gu ’m faca an Dia ata iomlan ann gliocas, iomchuidh an ordughadh le cheile, mar mheadhona iomchuidh r’ an gnathachadh chum slainte. C. Creud an t eidir-dhealuch ata eidear am focal agus na sacramainte mar mheadhonaibh slainte? F. Ata cheud aon chum creidimh a ghineamhuin, agus an aon eile chum a dhaingneachadh; ata’ ’m focal a labhairt ris a’ chluais, agus na sacramainte ris an t suil. C. C’ ar son a chuir Criost sacramainte ris an fhocal? F. Chum bhi ’n an ’n comharthaidh so fhaicsin air a ghradh, do ’n chinnidh dhaon’ a’ leigheas ar neo’-chreidimh, a neartughadh ar creidimh, a dh’ aith-bheo’-achadh ar gràsaibh, agus ar deagh thograibh. Is aithne dh’ a ar fònn, gu bheil na nithe a chi sinn le ’r suilibh, ag drutha oirne ni as mo na nithe a chluin sinn le ’r cluasaibh amhain. C. Am bheil na sacramainte na meadhona gràis agus slainte do na h uile ata ’g an gabhail? * an cuairt. [TD 367] F. Cha ’n ’eil, ach do na daoinibh taght’ amhain. C. C’ ar son nach ’eil iad air an deanamh eifeachdach de na h uile? F. Do bhri’ nach ’eil am fearta, agus an eifeachd uapadh fein, ach o Dhia an ughdar san, neach air bhi dh’ a na dheanadach saor, ata e ag co’-pairteach’ am fearta r’ a phobull, do reir a dheadh thoile fein. C. Nach ’eil feart air bith ann ’s na sacramainte dhiu fein, no leis an gniomh o ’n leith muigh a cho’-pairteachadh gráis r’ an luchd gabhail? F. Cha ’n ’eil. C. Am bheil fearta nan sacramainte ag teachd o run, deasachadh, foghlum, naomhachd, no eud na ti ata ’g an frithealadh? F. Cha ’n ’eil. C. Cia uaithe ma seadh, ata eifeachd agus feartaibh nan sacramainte? F. O bheannughadh Chriost, agus o oibreachadh a Spioraid sin amhain. C. ’M bu choir do dhuin’ air bith earbsa re lóm fheitheamh air na riaghiltaibh sin? F. Cha bu choir. C. Ciod a bu choir dhuinn iarruidh do ghna’ & bhi ’g amharc air a shon ann an gnathachadh nan riaghaltaibh so? F. Beannughadh Chriost, agus oibreachadh a Spioraid sin. C. Creud ata ’n Spiorad a’ deanamh le oibreachadh sin, chum na sacramainte dheanamh eifeachdach? F. Ata e cur beatha agus fearta ann sna h orduighin, agus le sin ag aisig agus a co’-chuir Chriost, agus a shochairibh sin re anamaibh dhaoine. C. Nach ’eil an Spiorad le oibreachadh sin, a cur beatha spioradail ann an uile chumhachda agus buaidhibh an anama? F. Ata. [TD 368] C. Ciod a bhar’ ail a bhios aguinn air an droing ata ag aich sheun, no re fanoid air oibreachadh an Spiorad air anamaibh dhaoine ann gnathachadh nan orduighean? F. Gu ’m bheil iad feolmhor, as eagmhuis an Spioraid; agus ’n an coigreichibh do ghràsa De. C. Nach ’eil staid na muintir sin ro bhrónach? F. Ata; “oir neach air bith aig nach ’eil Spiorad Chriost, cha bhuinn e dh ’ a,” Rom. 8. 9. C. Co d’ am bheil an Spiorad ag deanamh nan Sacramainte eifeachdach? F. Ni h ann do na h uile ata ’g an gabhail ach dhoibhsin amhain ata ’g an gabhail tre creidimh. C. Nach ’eil an creidimh so, mar an ceadna leis am bheil gach sochair eile, air an co’-pairteacha air an oibreachadh ann san anam leis an Spiorad? F. Ata. Ceist XCII. Creud is sacramainte ann? F. Ann t sacramaint, is ordugh naomh le Criost e ann am bheil Criost, agus coi’-cheangail’ nan gràs, air an cur ris na creidmhich le comharthaidh corporra so fhaicsin. C. Am bheil am focal so, sacramaint r’ a fhaghail ann san sgriobtur? F. Cha ’n ’eil, ach ata an ni ata è cialluchadh ann sin, agus ata ’m focal ro sheaghail & † sean. C. Ciod am focal ata aguinn sna sgriobtur ’n a áite? F. Ata comharthaidh agus seulaibh aguinn, Rom. 4. 11. Gin, 17. 11. Ecsod 12. 13. † air a ghnathach’ o shein. [TD 369] C. Cia uaithe ’ta ’m focal so sacramaint air a ghabhail? F. O na Romanaich, a bha ’g a ghnathachadh mar mhionnan saighd’-fhearachd, leis an roibh saighd-fheara ’g an ceangal fein gu bhi fior agus dilies d’ an cinn-fheana. Ach a chuid a chuid, thainig e gu bhi air a cho’ chur re baiste, agus suipeir an Tighearna, do bhri’ gu ’m bheil sinn leo sin, ’g ar ceangal fein, gu bhi ’n ar saighd’-fheara tairis dilies do Josa Criost ceannard ar slainte-ne. C. C’ ar son a deirir ordugh, no riaghailt naomh re sacramaint ann san shreagradh? F. A deirir riaghailt ria, do bhri’ gur h e Dia a dh’ orduigh i; deirir riaghailt, no ordugh naomh ria, do bhri’ gu roibh i air a h orducha leis an Dia naomha, air son daoine naomh, agus chum criocha naomh. C. C’ ar son a deirir gu bheil i air a h ordugha’ le Criost? F. A thoirt fios dhuinn gur h e Criost, neach ata na cheann do ’n eaglais, aig am bheil cumhachd amhain, a dh’ ordugha sacramainte innte, agus nach ’eil iad na m fior shacramainte nach roibh air an ordugha’ leis sin. C. Creud am feum na ’m foghnadh ata ann sacramainte? F. Is e as foghnadh dhoibh, bhi nan comharthaidh, agus nan seulaibh, so fhaicsin do ’n eaglais, air na sochairibh a chosain Criost, agus mu am bheil eider-mheadhoin-earachd sin. C. Creud an da ni ata ann an sacramainte? F. Ata 1. Na comharthaidh corporra so fhaicsin, 2. Na nithe neo’-fhaicsineach ata air an cialluchadh agus air an taisbeanadh leo sin. C. Ciod ata thu cialluchadh le comharthaidh so mhothacha’ no so fhaicsin? F. Elemeinte agus gniomhartha air an gnathachadh ann sna sacramainte, ris an abrar comh- [TD 370] arthaidh so mhothuighe, do bhri’ gu bheil iad air am faicsin le ’r ciat fadha corporra. C. Creud iad na comharthaidh so fhaicsin ata air an gnathachadh ann sna sacramainte? F. Ann sa bhaisteadh, ata uisge air a chrathadh air a’ chorp: Ann an suipeir an Tighearna ’ta aran air a bhriseadh agus air ithe, & fion air a thaosgadh amach agus air òl. C. Nach ’eil na h elemeinte agus na gniomhartha so, nan seulaibh co-mhaith as nan comharthaibh? F. Ata. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eatorra mar chomharthaibh agus mar sheulaibh? F. Mar ataid nan comharthaidh, ataid a’ cialluchadh, no taisbean sochairean no tiodhlacadh dhuinne; mar ataid nan seulaibh, ataid ag nasgadh agus ag daingneachadh na coir ata aguinn’ orra sin. C. Creud iad na tiodhlacaidh agus na sochairean, ata air an taisbeanadh, air an seula, agus air an co’-chuir ruinne, leis na comharthaibh agus na seulaibh sin? F, Is iad sin Criost, agus sochairibh an nuadh choi’-cheangal, eadhon, gach tiodhlac a chosain Criost, ata air an cuir amach, agus air an tairgse dhuinne ann an coi’-cheangal nan gràs. C. Am bheil na sacramainte ag nasgadh, agus ag daingneacha’ nan sochaire so do na h uile ’ta ’g an gabhail? F. Cha ’n ’eil, ach do na creidmhich amhain, ata ann taobh stigh do ’n choi’-cheangal, oir an droing ata ’n taobh ’mach dh’ e, ataid a’ cur seul Dhe re ni gun bhriogh. C. C’ ar son a deirir an nuadh choi’-cheangal re coi’-cheangal nan gràs? F. 1. Deirir an nuadh-choi’-cheangal ris, d’ a eidir-dhealuchadh o shean choi’-cheangal nan oibridh, a rinneadh r’ ar ceud sinnsire, ni a bhris [TD 371] iad. 2. Deirir air uairibh an nuadh choi’-cheangal, no an tiomnadh nuadh ris, chum eidir-dhealuch’ o ’n doigh air an roibh coi’-cheangal nan gràs air a fhrithealadh o shean le samhluighean agus le Iobairtibh m’ an d’ thainig Criost ann san fheoil. C. An roibh sacramainte air bith ceangailte re coi’-cheangal nan oibridh? F. Bha dias ann mar an ceadna, eadhon ’a chraobh eòlais, agus croabh na beatha. Ceist XCIII. Cia iad sacramainte an tiomna nuaidh? F. Is iad sacramainte an tiomna nuaidh, baisteadh, agus suipeir an Tighearna. C. Creud iad na sacramainte a’ bha ann an coi’-cheangal nan grás fuigh ’n t sean tiomnadh? F. Bha dias ann, eadhon, timchill-ghearradh, agus uan caisg; agus ata baisteadh, agus suipeir an Tighearna aguinne ’n an àite sin anois. C. Ann ionnan suim agus briogh do shacramainte an t sean tiomnuidh, agus an tiomna nuaidh? F. ’S ionann, oir ataid ’n an seula air an aon choi’-cheangal, agus ataid mar aon ag taitbean’ Chriost & a shochaire sin. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eatorra ma ’ta? F. Bha sacramainte an t sean tiomnuidh ag taisbeanadh Chriost a bha re teachd air doigh ni bu doirche, ach ata sacramainte an tiomna-nuaidh ag taisbeana’ Chriost a thainig cheana air doidh is soilleireadh, agus ni as so thuigsin. C. Creud an t eidir-dhealuch’ ata eidear baiste agus suipeir an Tighearna? F. Ata am baisteadh mar dhorus a ghabhail a steach, agus ni bheil sinn r’ a fhaghail ach aon uair, mar bha an timchill-ghearra. Ata suipeir [TD 372] an Tighearna chum beathaichaidh agus altrom, agus r’ a gabhail gu tric, mar bha an t uan caisg. C. Ciod an ni a bh’ ann san uan chaisg? F. Bha, uan air a mharbhadh, air a rosdadh le teine, agus air ithe gu h iomlan, le luidheanaibh searbh, agus le aran gun laibhin, leis an roibh Criost agus fhulangas air an taisbeana’ agus bhi ’g a ghabhail sin le creidimh, agus fior aithreachas. C. Cionnas ata è soilleir nach ’eil ach da shacramaint faoi ’n tiomna nuadh? F. Do bhri’ nach d’ orduigh Criost ceann na h eaglais tuilleadh mar shacramainte, ach baiste, agus suipeir an Tighearna; ni mo ta tuilleadh feumail, do bhri gu ’m bheil an dara h aon ’n a chomharth’ agus ’n a sheul air ar gineamhuin spioradail, agus an aon eile air ar beathachadh spioradail. C. Nach eil na Papanaich a cur tuilleadh sacramainte ris an dias sin? F. Ataid ag cur cuig eile riu, eadhon, co’-dhaingneacha’, peanas fhulang, ordughadh, pòsadh, agus òla bais. C. C’ ar son nach fheadar gabhail riu sin mar shacramainte? F. Do bhri’ nach ’eil a h aon dhiubh sin air an ordughadh le Criost mar shacramainte; agus ge ’ta ordughadh agus pòsadh air an àithne le Dia, gidheadh ni bheil ionnta sin, no an aon do chach, cuid air bhith do fhior shacramainte, ni mo ataid nan seula air coi’-cheangal nan gràs. Ceist XCIV. Creud is baisteadh ann? F. Am baisteadh is sacramaint e ann am bheil ionnlad le h uisge ann an ainm an Athar, a Mhic, agus an Spiorad naoimh, ag [TD 373] ciallucha’ agus ag seulachadh, gu bheil sinne air ar suidheachadh ann Criost, agus ’n ar luchd co’-pairt do shochairibh choi’-cheangal nan gras, agus ag seulachadh fòs ar boide gur leis an Tighearna sinn. C. Ciod ata ’m focal baisteadh a’ ciallucha’? F. Is focal greugach è, agus ata e cialluchadh ionnlad: Mar so ata e air a ghabhail, Marc. 7. 8. Luc. 11. 38. C. Creud iad an da phairt ata ann san t sacramaint so? F. Ata. 1. An comhartha’ corporra so fhaicsin ata air a ghnathachadh ann san leith muigh. 2. An ni spioradail neo’-fhaicsineach ata air a chialluchadh leis. C. Creud é an comhartha’ corporra ata ann so? F. Ionnlad a’ chuirp le h uisge, agus bhi gnathachadh briathra an ordughaidh. C. Creud è an ni spioradail ata ionnlad an uisge ag cialluchadh? F. Ata e cialluchadh, 1. Bhi ag ionnlad air falbh ciont’ a’ pheacaidh le fuil Chriost, ann ar fireanachadh. 2. Bhi ag ionnlad air falbh salachar a pheacaidh, le Spiorad Chriost ann ar ’n aith-ghineamhuin, agus ann ar naomhachadh, Tais. 1. 5. Eoin. 3. 5. C. Ciod iad na nithe ann sam bheil an chosamhlachd ata eidear uisge agus fuil Chriost, leis na sochairean a chosain eisean ag co-sheasamh? F. Ann sna nithe sin, eadhon, 1. Ata uisge a’ glanadh air falbh salachar a chuirp, mar an ceadna ata fuil Chriost a’ glanadh ar ’n anama o pheacadh. 2. Ata uisge ag cur as do theine, mar sin ata fuil Chriost a’ cur cosg air feirg Dhe. 3. Ata uisge ag maothacha’ na talmhain, mar sin ata fuil Chriost ag maothachadh ar cridheachan cruaidh ne. 4. Cha ’n fhead ar corpaibh teachd beo as eagmhuis [TD 374] an uisge, ni mo a dh’ fheadas ar ’n anamaibh as eagmhuis fuil Chriost. 5. Ata uisge so fhaghail, agus saor do na h uile, agus ata Criost le uile shochairibh saor mar an ceadna. 6. Ni bheil feum air bith ann san uisge mar gnathaichear è, ni mo ata eifeachd ann am fuil Chriost mar bi i air a co’-chuir le creidimh. C. Am bheil e laghail ni air bith a chuir ris an uisge ann sa bhaisteadh? F. Cha ’n ’eil; oir ge ’ta na Papanaich ag measgadh ola, salain, uachdair, agus sile leis an uisge, agus mar an ceadna a’ gnathachadh comhartha a’ chroinn-cheusaidh, ann sa bhaiste, gidheadh ni bheil ann sna nithe sin uile ataid ag cur ris an uisge, ach diomhaineas, mio laghail, gun bharrantas air bith o fhocal De. C. C’ ar son nach feadar comhartha a’ chroinn-cheusaidh a chonbhail suas ann sa bhaiste, do bhri’ gu ’m b’ e run dhaoine le so, a theagasg do ’n dream a bhaistear gun naire a ghabhail ann bhi ag aidmheil Chriost air a cheusadh? F. Ata na Papanaich ag toirt riosana coslach air son na nithe eile ataid a toirt a steach ann san bhaiste co mhaith re so, ach do bhri’ gu roibh comhartha’ a’ chroinn-cheusaidh air a thoirt a steach do ’n eaglais leis na Papanaich, co mhaith ris an uachdar, agus ris an t salann; bu choir a chuir a thaoibh leo sin mar innlichdibh ana-criostaidh ata ann aghaidh nan sgriobtur. C. Am bheil è feumail an corp a thumadh, no chuir faoi ’n uisge ann am baiste, do reir gnathachadh nan ceud linnibh, mar ta cuid ag radh? F. Ciod air bith a dh’ fheadadh a dheanamh re cuid ann an duthchanadh bu teoghaidh, bhithidh e ro chunntartach, gu sonruighte do naoidheana ann sna duchana fuar so an tumadh san uisge, & uime sin, ata sinn ’g ar toileacha fein leis an uisge a chrathadh orra: agus ata barrantas gu leoir aguinn o ’n sgriobtur air son a ghnathachaidh so. [TD 375] C. Creud am barrantas ata ann san sgriobtur air baiste le crathadh an uisge? F. 1. Chi sinn gun abrar baiste re nighe bhordaibh, Marc. 7. 4. agus is fiosrach sinn gu deanthar so le dortadh, agus cha ’n ann le tumadh. 2. Bha clann Israel air am baisteadh do mhaois ann san neul, 1 Cor. 10. 2. agus rinneadh so le bhi ag crathadh ann uisge orra. 3. ’N uair a deirir gu roibh gach uile nithe air an glanadh le fuil a reir an lagh; ata è air innseadh dhuinn gun d’ rinneadh so le fuil na h iobairt a chrathadh orra, agus cha b’ ann le bhi ’g an tumadh innte, Eabh. 9. 21. 22. 4. Ata è ro chosmhail, o ’n staid ann san roibh moran a chuaidh bhaisteadh air am bheil aithris aguinn’ san sgriobtur, gun d’ rinneadh è le crathadh, no dortadh an uisg’ orra. C. Creud iad na h eisempleiribh ata agad san amharc? F. 1. Ata sinn ag leaghadh air tri mile a bhaiste leis na h abstolaibh re cuid do aon la, Gniomh. 2. 41. Ni nach fheadadh a bhi air a dheanamh ann uine co ghaoirid an d’ thugadh iad a dh’ ionnsuidh aimhne iad, agus gu tumadh iad gach aon fa leith dhuibh innte. 2 ’N uair a bhaist’ Philip an caillteanach o Ethiopia, Gniomh. 8. 30. Cha ’n ’eil e cosmhail gu ’n do ruisg agus gu do thum se san amhuinn è, ’n uair a bha e air astar, agus gun bhi air doidh air bith deas air a shon sin, ach ’n a àite sin, gun deach’ iad ann san uisge gu n uig an abruin, air bhi cos-ruisgte dhoibh, do reir gnathachadh nan linnibh sin, agus gu do dhoirt e an t uisg’ air, do reir na faidh-dearachd a bha an caillteanach ag leaghadh, Isa. 52. 15. “Mar sin crathaidh e moran rioghachda.” 3. ’N uair a bhaist Ananias Pol, chi sinn gu roibh e steach ann san tigh, Gniomh 9. 17, 18, 19. Agus ni bheil e cosmhail gu rachadh e ’mach gu bhi air a thumadh ann an amhuin ann san staid lag agus an- [TD 376] mhunn ann san roibh è san am sin. 4. ’N uair a chuaidh Cornelius, agus a chairdibh a bhaiste, bha iad san tigh, agus chuaidh uisge ghairm chum a dheanamh san àite sin, Gniomh. 10. 47, 48. 5. Mar an ceadna, bha fear coimhead a phriosuin ann Phillippi, agus a theaghlach a steach ’n tra’ bhaist Pol agus Silas iad, Gniomh. 16. 32, 33. oir cha ’n fheadar a mheas gu ’m fagadh an dorsoir àite, agus gu rachadh se ’mach ann san oidhche le theaghlach uile, agus gu ceaduiche e do Phol, agus do Shilas a bha nan priosuineach, dol a mach cuideachd a dh’ ionnsuidh aimhne chum an tumadh innte. 6. B’ e gnathachadh na h eaglais o shean, daoine tinn a bhaisteadh air an leabuidh: agus is cinnteach nach fheadadh iad sin a bhi air an tumadh ann san uisge, ach gur h ann a bha an t uisge air a chrathadh orra. C. Nach ’eil sinn ag leaghadh gun roibh Eoin ag baisteadh aig Jordan, agus aig Enon, do bhri’ gu roibh pailteas do ’n uisg’ ann sna h áitibh sin; agus mu chuid a bha dol sios ann san uisge chum am baiste, agus a’ teachd anois as an uisge, Gniomh. 8. 38.? F. Rinn Eoin roghain do na h àitibh sin, do bhri’ gu roibh na h uisgibh coitchean ionnta, ni nach roibh air an doidh sin ann ionadaibh eile do ’n duthaigh thartmhor sin, agus mo dhol sios do ’n uisge, agus teachd anois as, ata so air a radh m’ an dream a bha ag baisteadh co mhaith ris an dream a bha air am baisteadh, agus cha ’n fheadar tumadh a tharruing uaithe. Os barr, feadar na briathra a ghabhail mar so, chuaidh iad sios chum an uisge, agus thainig iad anios as an uisge. C. Creud ata crathadh an uisge ann am baisteadh ag cialluchadh dhuinne? F. Ata e cialluchadh dhuinn gu ’m bheil sinn salach agus truailleadh thaobh nadurra, thaobh ar peacadh gin, agus gu bheil feum mor aguinn a bhi air ar ’n ionnlad uaithe. [TD 377] C. Am fead an t uisg’ ann sa bhaisteadh ar glanadh o ’n truaill-eachd so? F. Cha ’n fhead; is i fuil Chriost amhain ata air a cialluchadh leis an uisge a dh’ fheadas so a dheanamh. C. Cionnas ata fuil Chriost ’g ar glanadh o ’n pheacadh? F. Leis an Spiorad naomh a bhi a’ co’ chuir buidheadh agus fearta fuil Chriost r’ ar ’n anamaibh. C. Co an t ainm ann sam bheil daoin’ air am baiste? F. Ann an ainm an Athar, a Mhic, agus an Spiorad naoimh. C. Creud ata gnathachadh nam briathra sinn ann am baisteadh ag cialluchadh? F. Ata iomad ni, eadhon, gu bheil an riaghailt so air a frithealadh le barrantas o neamh; agus gu bheil an neach ata air a bhaiste a’ mionnachadh umhlachd do ughdarras Dhe, agus gu bheil e leis a ghniomh so, air a choisreagadh, agus air a cheangal, gu creidimh, aidmheil, adhradh, agus umhlachd do ’n Trionaid naomha; agus gu ’m bithidh earbsa do ghna’ re deagh ghean, gràs agus teasairgin o ’n Athair, o ’n Mhac, agus o ’n Spiorad naomh. C. Nach ’eil baisteadh ag seulacha coi’-cheangal eidear Dia agus sinne? F. Ata. C. Ciod iad na nithe ata air an seulachadh agus air an gealladh air taobh Dhe ann so? F. Gu bi e na Dhia dhuinne, gu suidh’-eich e ann Criost sinn, gu n toir e coir dhuinn air uile shochaire an nuadh choi’-cheangail, a chosain Criost le fhuil phriseil fein. C. Creud iad na ceangail, agus an nasgadh fuidh am bheil sinne a teachd ann so? F. Gur leis an Tighearna sinn ann anam, agus ann corp, ann gnathachadh co mhaith as ann aid- [TD 378] mheil a thoirt seirbheis dh’ a, agus a chathachadh air a chrann fad uile laithe ar beatha. C. Creud ata an t shochair so sinne bhi air ar suidheachadh ann Criost a’ cialluchadh? F. Gu bheil sinn air ar briseadh o ’n t sean fhreamh, nadurra, agus air ar suidheachadh ann Criost am freamh beannuighte, o ’m bheil sinn ag tarruing briogh chum fàs agus toraidh, Eoin. 15. 5. Rom. 11. 17. C. Am bheil an t shochair so air a seualachdh dhuinne le baisteadh? F. Ata. C. Creud iad sochaire choi’-cheangail nan gràs ata air an seuluchadh dhuinne le baisteadh? F. Gach uile thiolac a chosain Criost le fhuil sin, eadhon, bhi air ar gabhail a steach do ’n eaglais fhaicsineich agus coir fhaghail air gach sochair a bhuineas dhi, mar ata soillsicheadh spioradail, maitheanas peacaidh saorsadh o fheirg Dhe, agus cairdeas ris, ath-ghineamhuin agus naomhachadh, sdiuradh an Spioraid, coimhid agus freasdal athaireil, fàs ann gras, agus buan-mhaireachdain ann, bhi air ar deanamh iomchuidh fa comhair sonais neamhaidh, buaidh air a bhàs, agus ais-eirigh chum beatha shiorruidh. C. Am bheil baisteadh ag seuluchadh agus ag cur gach sochair dhiubh sin air an aon doidh ris na h uile ata air am baiste? F. Cha ’n ’eil; oir do ’n droing ata air an tagha, agus nam fior chreidmhich, ata e ’g an seulucha’ gu neo’-fhuasgailte, ach dhoibh sin ata mar sin trid aidmheil amhain, ni bheil e ’g an seulucha’ ach air chumhnant’ gu bheil iad da rireadh do reir an aidmheil. C. Am bheil na creidmhich ag faghail co’-pairt air ball do na sochairibh ata air an seulacha’ dhoibh ann am baisteadh? F. Ge ’ta an coir air a seulachadh san am sin, gidheadh ata Dia na dheanadach saor, agus cha [TD 379] ’n ’eil e ceangailte ris a mhionaid sin, ach ata e ag co’ pairteach’ a ghràis, agus a deanamh ordugh fein eifeachdach ’n uair is aill leis, agus mar is aill leis. C. Am bheil sochair air bith aig na neo’-chreidmhich tre baiste? F. Ata; oir le ’m baisteadh ataid air an scarrachduin san leith muigh o ’n chuid eile do ’n t saoghail, agus o ’n Diobhail, agus o ’n fheoil, agus gu ro fhoilleasach air an coisreagadh do ’n eaglais fhaicsineich, agus coir air a nasgadh dhoibh a thagradh air orduighibh, tairgse, agus geallaibh an t soisgeul, mar caill iad sin le ’n droch ghiulan ann diaidh laimh. C. Am bheil baisteadh a’ toirt peacadh gin air falbh, agus ag ath-ghineamhuin, mar ata na Papanaich, agus cuid eil’ ag radh. F. Cha ’n ’eil; oir mhair Simon Magus ann staid neo’-iompoighte ann diaidh a bhaisteadh; agus ata na daoin’ as fearr a’ caoidh an gin-chionta, fad uile laithe am beatha. C. Am bheil am baisteadh feumail chum slainte air doidh neo’ fhuasgailte? F. Cha ’n ’eil; oir bha an gadaidh neo’-iompoighte air a theasairgin as eagmhuis: Cha ’n e easbhuidh a’ bhaiste, ach bhi re dimeas air, ata cur ann cunntart doruinn shiorruidh. C. Creud am feum ata am baisteadh ma seadh? F. Ata àithne Chriost ’g a dheanamh feumail do bhri’ gu ’m fac’ eisean iomchuidh orduchadh, 1. A dh’ eidir dhealucha’ nan criostuidhean o dhaoin’ eile. 2. Mar shruth-chlais a ghrais sin. 3. Mar chomhartha a theagasg ar truaill’eachd trid peacaidh, agus ar cungaidh leigheis ann an Criost dhuinne. 4. Mar sheul a dhaingneachadh coir nan creidmhich air sochairibh an nuadh choi’-cheangail. 5. Mar chuing ’g ar ceangal r’ a sheirbheis sin. [TD 380] Ceist XCV. Co d’ an coir am baisteadh a fhrithealadh? F. Ni an coir am baisteadh a fhrithealadh do aon neach ata ann taobh muigh do ’n eaglais fhaicsineach, gus an aidmhich iad an creidimh ann an Criost, agus an umhlachd dh’ a, ach is coir naoidheana na droing ata ’n am buill do ’n eaglais fhaicsineich a bhaisteadh. C. Am bheil am baiste r’ a fhrithealadh do na h uile dhaoine? F. Cha ’n ’eil. C. Co do nach coir am baisteadh a fhritheala? F. Cha choir a fhrithealadh do chinneich & do neo’-chreidmhich, no do ’n droing ata ag aidmheil bhi nan criostuidhean, ma bhios iad ain-eolach, no mio-nosach agus scannaileach. C. C’ ar son nach feadar iad sin a bhaisteadh? F. Do bhri’ nach fheadar amharc orra mar bhuill do ’n eaglais fhaicsineach, no ann taobh stigh do ’n choi’-cheangal, agus mar sin, ni bheil coir aca air a sheulaibh, Eph. 2. 12. C. Creud na cumhnantaibh air am feadar an droing sin a ghabhail ann am baisteadh? F. Le ’n aontachadh leis an t soisgeul, agus le bhi ’g aidmheil an aithreachais agus an creidimh ann Criost, agus an rùn umhlachd a thoirt dh’ a san amhain, Gniomh. 2. 38. Mat. 3. 6. Gniomh. 8. 13. C. Co an dream aig’ am bheil fior choir air a bhaisteadh? F. Iadsan ata ’n am buill do ’n eaglais fhaicsineach agus an naoidheana sin, Gniomh. 2. 39. C. Co ris an abair thu an eaglais fhaicsineach? F. Luchd aidmheil Chriost gu h uile feadh an t saosghail gu leir, ata gu foilleasach a’ gabhail ris an fhior chreidimh, maille r’ an sliochd san, [TD 381] 1 Cor, 7. 14. Gniomh. 2. 39. Rom. 11. 16. Gin. 17. 7. C. Creud iad na sochairean ata aig an eaglais fhaicsineich ois-cionn a chuid eile do ’n t saoghal? F. Ata coir aig an eaglais fhaicsineich air coimhead curamach Dhe am builsgean gach cuntart agus namhad, bhi ag mealtain orduighean agus ministreileachd an t soisgeul, agus co’-chomunn ris na naoimh, 1 Tim. 4. 10. Isa. 31. 5. Eph. 4. 11, 12. Mar. 16. 15. 16. Gniomh. 2. 39. 42. C. Co ris an abair thu an eaglais neo’-fhaicsineach? F. Ris na fior chreidmhich ann Criost gu h uile, eadhon, iadsan nach ’eil amhain ag aidmheil Chriost o ’n leith muigh, ach mar an ceadna, ata ’n am beo’ bhloideadh do Chriost mar an ceann, leis am bheil an anamaibh air an ath-nuadhachadh, ni ata Dia amhain ag faicsin: agus uime sin, deirir an eaglais neo’-fhaicsineach riu san. C. Creud na sochairibh ata aca san thar chach? F. Ata co’-chomunn aca re Criost mar aon ann gràs, agus ann glòir. C. Am bheil coir aig naoidheana air baisteadh? F. Ata coir aig naoidheana nan creidmhich, no na droing ata ’n am buill do ’n eaglais fhaicsinich air baisteadh, ach cha ’n ’eil coir aig cach eil’ air. C. Cionnas ata thu co’ duchadh an coir sin air baiste? F. Do bhri’ gu bheil naoidheana nan creidmhich ann taobh stigh do ’n choi’-cheangal, amhail is mar ata na parantaibh fein, mar so, dhineis Dia do Abraham, ann sa choi’-cheangal a rinn se ris, agus le sin, dhaingnich agus thaisbean e choir a bh’ aig a shliochd nan naoidheana air an t seul so, leis am bheil iad air an gabhail a steach do ’n choi-cheangal, Gin. 17. 7. 10. “Daingnichidh mi mo choi’-cheangal eidear mise agus thu, agus do shliochd a’ d’ dhiaidh, ann [TD 382] sgach linn, mar choi’-cheangal siorruidh; gu ’m bi mise a’ m’ Dhia dhuit, agus do d’ shliochd a’ d’ dhiadh. Agus bithidh gach uile ghin mhic ’n ar measgsa air an timchill-ghearradh.” Anois’, is e coi’-cheangal nan gràs ann sam bheil Criost na eidir-mheadhoinear, a rinneadh re Abraham, agus ata gach creidmhich do shiol Abraham tre creidimh, agus nan oighreachan air a choi’-cheangal maille ris, agus ata an coi’-cheangal so siorruidh, agus ata na geallaibh agus na sochairibh ata an, mar bha iad o shean, ge ’ta na seulaibh air an atharracha: uime sin, ata cheart choir aig naoidheana nan creidmhich air baisteadh anois a bh’ aig siol Abraham air timchill-ghearradh o shean, oir is ionann suim agus briogh dhoibh. Agus chi sin gu bheil an tabstol Peadar gu soilleir ag taisbean na coir leanmhuinn so, Gniomh 2. 38, 39. “Gabhaibh aithreachas, agus bithibh air bhur baisteadh gach aon agaibh, oir ata ’n gealladh dhuibhle, agus d’ ar cloinn.” Agus uaithe so, ata ’n t abstol Pol ag radh gu bheil clann nan creidmhich naomh, 1 Cor. 7. 14. ’Se sin r’ a radh, naomh ann an daimh coi’-cheangail mar bha na h Judhaigh nan rioghachd naomh, Do bhri gu roibh iad air an suidheachadh ann sa choi’-cheangal tre timchill-ghearradh, agus gu foilleasach air an coisreagadh do ’n Tighearna, agus air an deanamh ’n am buill do ’n eaglais fhaicsineich, mar ata ar naoidheanaibh ne le baisteadh. C. Cionnas ata e soilleir gu ’n d’ thainig am baisteadh ann ait’ an timchill ghearradh? F. Ata so air a dhearbhadh, Col. 2. 11. 12. Os barr, ata e soilleir gu bheil iad mar aon ag tiasbean truaill’-eachd ar naduirne, agus slighe ar glanaidh trid dortadh fola Chriost. C. Creud an tuilleadh barrantas ata agad o ’n sgriobtur air son naoidheana a bhaisteadh? F. 1. O Mhat. 28. 19. Far an d’ thug Criost [TD 383] àithne d’ a chuid abstol gach cinneach a dheiscoibladh, agus am baisteadh, agus is naoidheana cuid mhor dhiubh sin. Agus cha roibh feum air bith air an ainmeachadh gu sonruighte, do bhri’ gu roibh an coir air a socruchadh iomad linn roimhe so, le timchill-ghearradh; ge ’ta e air innseadh dhuinn air ball, gu roibh an coir air a buanachadh dhoibh mar bha i roimh, Gniomh. 2. 38, 39. Agus gu deimhin, bu mhi riosunta bhi ag smuainteachadh, gu ’m bithidh an staid na bu mheasa le taisbean Chriost ann san fheoil, na bha i roimhe. 2. Ata dearbhadh aguinn gu bheil sochairean nan cinnich anois co fhairsing is a bha sochairean nan Judhaigh, thaobh gur aon ann Criost iad uile, Rom. 3. 29. Agus 10. 12. Gal. 3. 14, 28. 3. Ata e air innseadh dhuinn Rom. 11. Gu ’m bithidh na h Judhaigh airis air an suidheachadh nan crann ola fein, mar a bha iad air an gearradh dheth. Agus uaithe so, is fhurras a tharruing gu bi an sliochd san a bha air am briseadh dheth maille riu fein, air an suidheachadh ann mar bha iad roimhe. 4. Ata na sgriobtuiribh ag nochdadh gu bheil naoidheana comasach air co’-pairt do na sochairibh luachmhor sin, eadhon, maitheanas cionta, congnadh san Spiorad creidimh, gras, agus gloir, agus uime sin, ata Criost ’g an cuireadh gu cairdeil, agus ’g an gabhail ann glacaibh a ghraidh, Isa. 44. 3. Agus 65. 23. Jer. 1. 5 Mat. 18. 6. Marc. 10. 14, 16: Luc. 1. 15. Air an aobhar sin, buinidh comharth’ agus seul nan sochairibh sin dhoibh mar an ceadna. 5. Ata sinn ag leaghadh gu ’n do bhaist na h abstolaibh teaghlaichean gu h iomlan gun bhacadh air an naoidheana, Gniomh. 16, 15, 33. 1 Cor. 1. 16. Agus ann so lean iad eisempleir nan Judhaich a bha timchill-ghearradh nan Ginteileach a bha ’g aontachad le ’n creidimh sin, agus an clann mar an ceadna. Agus do reir eisempleir na abstol, ata e soilleir gu roibh an eaglais [TD 384] ann ’s na ceud linnibh a baisteadh naoidheana parantaibh criostuidh. C. Nach ’eil sinn ag leaghadh gu roibh na h abstoil ag teagasg agus daoin’ ag aidmheil an creidimh m’ an roibh iad air am baisteadh? F. Ata, ach b’ iad sin amhain an droing a thainig gu h aois ann taobh ’mach do ’n eaglais fhaicsineich, a bha r’ an cosnadh chum a chreidimh Chriostaidh m’ an roibh iad fein nan clann gu bhi air am baisteadh. Ach ata naoidheana nach ’eil comasach air foghlum a ghabhail, no air an creidimh aidmheil r ’a meas mar chuid d’ am parantaibh, ata re seasamh nan àite, agus re freagradh air an son, gus an d’ thig iad gu tuigs’ agus riosuin; air achd as ma bhios na parantaibh naomh, agus a’ measg na dream ata air am beannuchadh le Dia, gur coir an naoidheanaibh a mheas mar sin maille riu san, do reir Rom, 11. 16. Isa. 65. 23. Ann sa cho’-cheangal a rinneadh re Abraham agus r’ a shliochd, ann san roibh an timchill-ghearradh mar sheul, agus ann san roibh co’-pairt aig na naoidheana, cho dubhairt e riusan, ach re h Abraham, “Gluas thusa a’ m’ lathair se, agus biodh foirfe,” Gin. 17. 1. C. Ma ’ta clann óg r’ an gabhail chum baisteadh, c’ ar son nach fheadar suipeir an Tighearna a thoirt dhoibh mar an ceadna? F. Do bhri gu bheil e mar fhiacha air na h uile a ghabhas Suipeir an Tighearna iad fein a cheasnuchadh, agus aithne a dheanada air corp an Tighearna, ni nach ’eil ann comas naoidheana, do bhri’ nach ’eil iad ar teachd gu tuigse. Agus air an aobhar sin, ge do bha clann nan Judhaich air an timchill ghearradh, cha roibh iad ag faghail co’-pairt do ’n uan chaisg, thaobh nach roibh iad comasach air fiosrachadh a ghabhail, no eòlas fhaghail air na bha e cialluchadh, do reir Ecsod. 12. 26. Ata an t seul, leis am bheil iad air [TD 385] an gabhail a steach, ag toirt coir dhoibh air sochairibh, ach ata an aon eile chum cuimhneachan a chonbhail suas air na sochairibh sin, ni nach fheadar a dheanamh gun eòlas. C. Co d’ am buin naoidheana na h eaglais fhaicsineich a thaisbeanadh am baisteadh, no seasamh mar urras air an son? F. Buinidh e gu sonruighte do pharantaibh an clann a thaisbeanadh do Dhia ann am baisteadh, do bhri’ gu bheil iad air a meas mar chuid dhiubh fein, agus gur ann air an son ata coir ac’ air baiste, agus le so, air aontachadh ann ainm an cloinne re coi’cheangal nan gràs, agus cha bhuin so do ’n dream ris an abrar Dia aithreacha, agus Dia mhaithreacha, ’s ann aig na parantaibh ata ughdarras air am foghlum, agus air freagairt air an son do Dhia, agus gus an d’ thig iad gu h aois roghain a dheanamh air an son fein, ata toil nam paraintibh amhain r’ a ghabhail air son an toile sin. C. Nach ’eil parantaibh Criostuidh faoi na ceangail as treise, ann clann a thoirt a dh’ ionnsuidh Dhia ann am baisteadh? F. Ata; 1. Do bhri’ gu do choisreig iad iad fein, agus gach ni ata aca do ’n Tighearna. 2. Do bhri’ gur ann d’ an trid sin ata am peacadh gin a’ srutha air an cloinn, ata e mar fhiacha orra co fhad’ a’s ata e ’n an comas, an eacoir a leasachadh, le bhi ’g an tabhairt chum tobar fola Chriost d’ an glanadh, agus a dh’ ionnsuidh a choi’-thionail, chum congnamh an urnaigh fhaghail. C. Am bheil iad sin uile ann an coi’-cheangal re Dia, agus ag faghail coir air sonas bioth-bhuan, ata ag faghail na seula so dheth, gu sonruighte a chlann sin a ghinthear le paraintaibh ata da rireadh Diadhaidh, is ata ’ g an toirt fein suas gu treimh-dhireach do Dhia ann am baisteadh? [TD 386] F. 1. Ma dh’ eugas a chlann sin ann am an oige, m’ an dean iad fein ni air bhith chum an coir a chall, ata barrantas aguinn a chridsin gu bheil iad air an teasairgin. 2. Ata coir aig a’ chloinn trid am breith agus am baiste, air iomad sochair, agus tiodhlac o’n leith muigh, ois cionn dhaoin’ eile; uaithe so, ata am baisteadh air a chosamhluchadh re airc Noah, leis an roibh a theaghluch air an teasairgin o’n tuill co mhaith ris fein, 1 Phead. 3. 21. 3. Ata aobhair tagraidh as treise aig clann parantaibh Diadhaidh air sochairibh a choi’-cheangail na ’ta aig cach eile, do bhri’ cha ’n e ’mhain, gu ’m fead iad agradh gu bheil iad air an coisreagadh do Dhia le baiste agus gur h e Dia, Dia an aithreacha, ach gur iad fein sliochd na muintir sin, ris an do dhaingnich Dia a chunradh, agus d’ am bheil na geallaibh air an deanamh. Ach, 4. Bu choir dhoibh a chuimhneachadh mar dean iad feum d’ an coir ’n tra’ thig iad gu h aois, le bhi gabhail ris a choi’-cheangal air an son fein, agus gniomh am parantaibh a dhaingnicheadh, gu ’m bheil iad ag call an coir air sochairibh slainteil a’ choi’-cheangail. C. Ciod am fònn anama, agus ’na smuainteadh bu choir do pharantaibh altrom, ’n uair ataid ag taisbean an naoidheana do Dhia ann am baisteadh? F. Bu choir dhoibh amharc air ais air am boide baisteadh fein, an chumnant a dheanamh re Dia ann uaignuidheas, air an son fein, agus air son an sliochd; agus an uile dhicheall a ghnathachadh chum a dheanamh cinnteach gu bheil iad do reir an coi’-cheangail re Dia, do bhri’ gur ni ro shonruighte so dhoibh fein agus d’ an sliochd; oir ata an gealladh mar so, “Bithidh mise a’ m’ Dhia dhuibhse, agus d’ ar sliochd.” Bu choir dhoibh bhi guidhe gu durachdach air son gràis d’ an neartuchadh chum deagh fhoghlum, agus deagh eisempleir a thoirt dhoibh sin, chum bhi cosmhuil re Abraham athair nan creidmhich, ann [TD 387] àithne thoirt d’ an cloinn, agus d’ an teaghlach ’n an diaidh, bhi ag coimhead slighe an Tighearna, Gin. 18. 19. C. Ciod am feum bu choir do chloinn a dheanamh d’ am baiste ’n uair a thig iad gu h aois? F. 1. Bu choir do chloinn a ghinthear le parantaibh Diadhaidh, mor bhuidheachas a thoirt do Dhia, cheann gu roibh an leithid sin do pharantaibh aca, leis am bheil an coir air sochairibh coi’-cheangail nan gràs co mhor air a daingneachadh. 2. Co luadh as a thig iad gu h aois, bu choir dhoibh am boide baiste, agus a ni a rinn am parantaibh air an son a nuadhachadh, le bhi ’g an ceangal fein gu pearsonta re Dia, agus le bhi ’g an toirt fein suas do ’n Tighearna: agus bu choir dhoibh so a dheanamh air doidh fhoilleasach ann an sacramainte suipeir an Tighearna, chum ’s gu ’m bithidh iad ’n an Criostui’ ean le ’n aontachadh fein, co mhaith is le coisreagadh am parantaibh. 3. Bu choir dhoibh bhi tagradh air am baiste, mar sheul, agus geall-barrantais Dhe dhoibh sin air maitheanas cionta trid fuil Chriost, a bha san am sin air a co chuir leis an t sacramaint. 4. Bu choir dhoibh feum a dheanamh d’ am baiste mar spor chum caithe beatha Diadhaidh, mar sgiath ann aghaidh gach buaireadh, agus mar chulladh-bhrosnuicheadh, chum Chriost agus slighe na firinn aid’ icheadh gu misneachail ann lathair an t saoghail, gun naire ghabhail air a sgath san. Ceist XCVI. Creud i suipeir an Tighearna? F. Suipeir an Tighearna is sacramaint i, ann am bheil bàs Chriost air fhoillsicheadh, le aran agus fion a thabhairt, agus a ghabhail do reir ordugh fein, agus an droing a ghabhas chuca gu h iomchuidh iad, ataid [TD 388] (ni air mhodh seolmhor,) ach trid creidimh, air an deanamh nan luchd co’-pairt d’ a chorp agus d’ a fhuilsin, le uile shochairibh, chum an altrom, agus am fas ann gràs. C. Creud iad na h ainmibh coitcheann ata ’n riaghail so ag faghail? F. Deirir suipeir an Tighearna ria, 1 Cor. 11. 20. agus bord an Tighearna, 1 Cor. 10. 21. An Comunn, no comunnacha; 1 Cor. 10. 16. briseadh arain, Gniomh. 2. 42. Cupan a bheannuchaidh, 1 Cor. 10. 16. Tiomnadh Chriost, Luc. 22. 20. An fheisd, 1 Cor. 5. 8. Bu ghna’ leis na ceud linnibh am buidheachas a radh ria, agus a deir sinne gu coitcheann an t sacramaint ria. C. C’ ar son a deirir suipeir an Tighearna ria? F. O ’n am ann san d’ orduigh Criost a h ughdar i, eadhon san oidhche sin fein ann do bhrathadh e’. C. C’ ar son a dh’ orduighe è san oidhche i? F. Do bhri’ gu roibh an t uain caisg gu bhi air ithe aig oidhche, agus b’ i an t suipeir ann san am sin * biadh sonruighte an teaghluigh; agus feadaidh sinn so fhoghlum uaithe, gu bheil an fheisd so amhain air son luchd muintir Chriost, ata ’n a fhochair san la agus san oidhche, mar aon. C. Am bheil è mar fhiacha oirne an t sacramaint so choimhid an san oidhche, mar rinneadh ’n tra dh’-orduighe air thus i? F. Cha ’n ’eil; oir sguir an riosun a bha air son so a dheanamh aig oidhche, agus ann teaghluch diomhair: Bha so air a dheanamh air thus air son suipeir na caisg’ a bha r ’a h ith mar so, agus bha suipeir an Tighearna re teachd na h àite sin; * longadh. [TD 389] ach ann an coi’-thionala. Sluagh-mhor, bhithidh an oidhche ro mhi-iomchuidh air a shon. C, C’ ar son a dh’ orduigh Criost an t sacramaint so air ball ann diaidh an uain chaisg? F. A nochdadh gu ’n d’ thainig an d’ ara h aon ann àite an aon eile, agus gur ionann seadh agus briogh dhoibh. C. Cionnas ata e soilleir gur ionann briogh dhoibh? F. Do bhri’ gu roibh clann Israel ag ceangal an uain re ceithear laithe re postaibh an leabaichean m’ an marbhadh iad è, chum is le ghna’ mheiligh, gu conbhadh iad cuimhne air an traillealachd ghoirt ann san Eiphte o’n d’ fhuasgail Dia iad air doidh iongantach, agus mar an ceadna, a thoirt sealladh dhoibh air an do bron spairneil, a bha a’ Messiah r ’a fhulang, chum an saoradh o pheacadh, agus o ifrinn; mar so, air an amhail cheadna, ata suipeir an Tighearna na cuimhneachan seasmhach, air ar teasairgin trid bàs agus fulangas Chriost, ar fear saoruidh ghlormhor o pheaca agus o chorruigh Dhe. C. C’ ar son a dh’ orduigh Criost an riaghail so, ann san oidhche sin fein ann do bhrathadh é? F. 1. Chum dearbhadh laidir a thabhairt air a ghradh d’ a luchd muintir, ann deasachadh ni bu mho air son co’-fhurtachd dhoibhsin, no air sòn teasairgin dh’ a fein, ’n uair a chunnaic e cumhachdaibh neamh, na talmhain, agus ifrinn gu leir ann ordu’ cathadh ’n a aghaidh. 2. Chum ’s gun d’ thugamaid fainear gu ceart do ’n àithn’ a thug e dhuinn m’ an riaghail naomh so, mar bhriathraibh deireannach ar slanuidh-fhear, a bha dol a dheanamh tuilleadh mor air ar son’ ne, na bha ann comas an t shaoghail gu leir a dheanamh. C. Am bheil suipeir an Tighearna na h iobairt co mhaith as na sacramaint? F. Cha ’n ’eil; oir ge ’ta na Papanaich gu h oilteill ag truailleadh na riaghail so, agus ’g a [TD 390] tionndadh gu iobairt na h aifrionn, leis am bheil iad ag diultadh gu ’m bheil iobairt Chriost dheth fein air a chrann cheusaidh leor fhoghainteach a thoirt peacaidh air falbh, agus le so, ata iad ciontach ann an crabhadh thar tomhas, agus ann san iodhol adhradh as graineile: gidheadh ni bheil ann suipeir an Tighearna ach sacramaint amhain, ni nach ’eil air doigh air bhith cosmhuil re iobairt: oir ata sacramaint na cuimhneachan air sochair a fhuair sin o Dhia; ach le iobairt, ata ni eigin air a tairgse, no air a tabhairt do Dhia chum a thoilleachadh air son peacaidh, ni a rinneadh le Chriost aon uair air a chrann cheasuidh, agus nach fhead tachairt t uille am feasd. C. Ciod am modb air an coir dhuinn an t sacramaint a ghabhail? F. Ann an suidhe mu bhord, mar is gnath le daoine ann am biadh, agus chi sinn gur ann mar so a rinn Chriost agus a dheisciobuil, Mat. 26. 25. 26. Luc. 22. 14. far am bheil e air a radh, “Shuidh iad sios aig a bhord.” C. Nach ’eil e ni as ciatfhaiche, agus ni as urramaiche dol air ar glunaibh san am so? F. Cha bu choir dhuinn a smuainteachadh gur glice sinne na Criost, no bhi ag cuir mio-thlachd no eas-urram as leith nan abstol, agus nan ceud chriostuidhean, a bha gnathachadh suidhe ann gabhail na sacramaint. C. Co ma ’ta a dh’ orduigh lubadh, agus c’ uin a thainig an gnathacha so steach? F. Dh’ orduigh Honorius, an dara Papa do ’n ainm sin, ann an toiseach na treas linn deug. C. Ciod uime a dh’ orduigh é glun-lubadh? F. Mar ni a bha leanmhuin air teagasg na * nuadh-bhrioghach, a bha air orduchadh le Innocent an treasa, gaoirid roimhe sin. Agus chunnaic iad iomchuidh ann sin, dol air an glunaibh chum adhradh a dheanamh do ’n aran ann * briogh atharacha. [TD 391] san t sacramaint, ni a bha iad ag creidsin a bha air atharacha’ gu fior chorp Chriost. C. An coir do dhream air bith do luchd aidmheil a chreidimh aith-leasaighte, aontacha le Papanaich, agus le luchd lodhol-adhraidh ann nam mearachdaibh agus nan crabhadh-thar tomhas? F. Cha choir. C. Creud iad na h eilemeinte no na comharthaidh so fhaicsinn, ata air an orduchadh ann suipeir an Tighearna? F. Aran agus fion. C. Cionnas ata iad re nan gnathachadh? F. Ann diaidh dhoibh bhi air am beannachadh ata an t aran re bhi air a bhriseadh, air a thabhairt, agus gu bhi air ithe; agus air bhi do ’n fhion air a thaosgadh amach, ata e re a thabhairt, agus re a òl. C. C’ ar son ata na comharthaidh so mar aon air an gnathachadh? F. A dhaingneachadh ar creidimh ne ni as mo, agus a thoirt taisbean ni as soilleireadh dhuinn air bàs agus fulangas Chriost, agus a nochdadh saidhbhreas agus pailteas na saorsa, agus gach leasachadh ata ann Criost air a cheusadh air son anamaibh cailte. C. Am fead sinn abhlan a ghnathachadh ann àit’ an arain mar ’ta na Papanaich ag deanamh? F. Cha ’n fhead; oir cha bhithidh sin na comharth’ iomchuidh air beathachadh spioradail, ni mo a bhitheadh e na bhriseadh arain a reir ordugh Chriost. C. Ciod ata an t aran ag cialluchadh ann so? F. Josa Criost, aran na beatha, a chuaidh thabhairt air son loin d’ ar ’n anamaibh. C. Ciod ata am fion ag cialluchadh? F. Fuil luachmhor Chriost, agus gach sochair shaibhear, agus co’ fhurtachd fuarachaidh ’ta ag srutha uaithe sin d’ ar ’n ionnsuidh ne, mar ’ta [TD 392] fuasgladh o fheirg, maitheanas cionta, sith re Dia, agus sith coguis, comas teachd am fogas do Dhia ann ’s gach dleasdanas, neart agus fàs ann gràs, fios fhaghail air gradh Dhe, agus sealladh blasta air sonas neamhadh. C. Ciod ata briseadh an arain, agus taosgadh ’mach an fhiona ag cialluchadh? F. Bròn agus fulangas Chriost gu h uile air ar soin ne, gu sonruighte, briseadh agus reubadh a chuirp sin air a chrann cheusaidh, agus dortadh fhola air son ar peacaidh ne. C. Creud ata air a chialluchadh le bhi ag tabhairt an arain agus an fhiona do ’n luchd comunnachaidh? F. Ata e ag cialluchadh gu ’m bheil Dia ag tabhairt Chriost air a cheusadh, le uil’ oifigibh, agus uile shochairibh do ’n droing ata ’g an gabhail tre creidimh. C. Ciod e ata air a chealluchadh leis an luchd comunnachaibh a bhi gabhail an arain agus an fhiona? F. Ata e cialluchadh, lamh a chreideamh a shineadh amach, a ghabhail re Criost gu h iomlan, do reir tairgse an t soisgeil, le bhi ’g a cho’ chuir gu dlu; agus gu sonruighte re feumaibh an anama. C. Am bheil coir aig a phobul air a chupan co mhaith ris an aran? F. Ata, agus cha ’n fhead neach air bhith a chonbhail uatha, do bhri’ gun d’ orduigh Criost feisd agus lòn iomlan d’ a luchd muintir, oir a dubhairt se ris a chead luchd comunnachaidh, “Oluibh uile dheth.” C. Ciod am fonn anama, agus an giulan leis an coir dhuinn bhi ag amharc air an aran air a bhriseadh, agus air an fhion air a thaosgadh amach, agus leis an coir dhuinn an gabhail? F. Bu choir dhuinn bhi cuimhneachadh air Criost air a bhriseadh agus air a lota le cridheach- [TD 393] an bristeadh, agus le spioradaibh bruite, air son ar peacaidh ne leis an do lot’ sinn eisean; bu choir d’ ar ’n anamaibh bhi air an lionadh le teas ghradh agus le buidheachas do Chriost a ghradhaich sinne air an doigh sin as gun d’ thug e suas e fein mar dhioladh air son ar peacaidh’ ne; bu choir d’ ar ’n anamaibh comhnuidh a gabhail ’n a lotaibh sin, mar ar tearmain amhain, o ’n fhear agartais fola, agus bhi ag tagradh le fuil agus feartaibh Chriost, air son gach aon ni ’ta dh’ eas-bhuidh oirne o Dhia. C. Creud i crioch airid na sacramaint so ’ta air thus air a h ainmeacha’ ann san fhreagra? F. Bhi ag foillseachadh bàs Chriost do reir, 1 Cor. 11. 24, 25, 26. C. Cionnas ata sinn gu bàs Chriost fhoillseachadh ann san riaghail so? F. Le bhi ’g a ath-thabhairt g’ ar cuimhne le mor-iongantas, agus buidheachas do Dhia air son a leithid so do iobairt, agus bhi ga tagradh na lathair sin amhain mar bharrant ar dochais’ ne. Agus mar an ceadna, le bhi ag taisbeann ann lathair an t saoghail, gradh iongantach Chriost, ann am bàsachadh air ar son-ne, agus ar ’n-earbs’ is ar muinghin ann am feartaibh a bhàis sin, bhi gu follasach ag aidmheil, gur ann d’ a luchd muintir sinn, agus ag nochdadh leis an ghniomh so, nach ’eil sinn ag gabhail naire do chrann ceusaidh Chriost, ach ag deanamh uaill as. C. C’ ar son is aill le Criost gu foillsich sinn a bhás air an doiah so? F. Mar fhiadhnais air ar buidheachas air a shon, agus gu ’m bheil sinn ag creidsin gur h e bàs Chriost amhain steigh ar slaint ne, agus mar an ceadna, gu bheil an cuimhneachan so air, na meadhon ro shonruighte, a cheannsuchadh a pheacaidh, a dh’ ath-bheathacha gràis, a mhaothacha’ ar cridheachan, agus a fhrithealadh co’-fhurtachd dhuinn fuidh gach aobhar mi mhisnich. [TD 394] C. Ciod ata r’ a thuigsin le luchd gabhail iomchuidh ann san fhreagradh? F. Gach fior chreidmhich, is iad sinn amhain ata iomchuidh, agus ata cur creideamh agus gradh ann gniomh ann gabhail na sacramaint; cha ’n è gu ’m bheil neach air bith iomchuidh ann seagh lagha, no gur airidh iad air trocair, ach deirir gu ’m bheil iad iomchuidh, do bhri’ gu bheil iad a gabhail air doidh iomchuidh & thaitneach, mar aon, thaobh an staid agus fònn an anama; agus ata so ’g an deanamh iomchuidh do reir an t soisgeil. C. Am feadar co’ pairt san t sacramaint so, a thabhairt do ’n droing ata lag ann creidimh agus fuidh mhoran eagail, maille re luchd gabhail iomchuidh? F. Feadar, oir ’ta creidmhich anmhunn a measg cairdibh Chriost, d’ am bheil e a tabhairt cuireadh, agus san aca ’ta coir air aran na cloinne; os barr, chuaidh an riaghail so orduchadh mar mheadhon, chum neart spioradail, agus gràs a thabhairt dhuinne. C. Ach nach fead na creidmhich annmhunn agus amharasach sin, fuireachd air an ais, gus an rig iad air neart agus co’fhurtachd? F. Cha ’n fhead; oir ata neart agus co’ fhurtachd r’ am faghail ann an slighe a chreidimh agus ann gnathachadh na meadhona a dh’ orduigh Dia, chum na criche sin; agus cha ’n ’eil aobhar aguinn duil air bith altrom, gu ’m fuigh sinn iad, am feadh an ni sinn dearmad air an riaghail naomh so, ata na h aon do na meadhona sin. C. Creud an tairbh ata luchd gabhail iomchuidh ag faghail ann san riaghail so? F. Ata iad air an deanamh ’n an luchd co’ pairt do chorp agus do fhuil Chriost, le uile shochaire sin. C. Cionnas ata luchd gabhail iomchuidh air an [TD 395] deanamh ’n an luchd co’ pairt do chorp agus do fhuil Chriost? F. Ni h ann ar mhodh feolmhor, ach air mhodh spioradail. C. Cionnas ata iad ag faghail co’ pairt dhiubh sin air doidh spioradail ann san t sacramainte? F. ’N uair a gheabh iad an coir air sochairean, agus toraidh bàis Chriost a dhaingneachadh, le bhi air an cuir an sealbh ionnta; no ’n uair ata an anamaibh da rireadh, ag faghail co’ pairt do na sochairibh sin ann cail-eigin ann san t saoghal so fein. C. Creud iad na sochairean agus an toradh do chorp agus do fhuil Chriost, d’ am bheil luchd gabhail iomchuidh ag faghail co’ pairt? F. Maitheanas cionta, saorsadh o fheirg Dhe, lamh an uachdar air a pheacadh, neartuchadh gràsaibh, leighis air plaighean an anama, fuasgladh air gach teagamh, sgaoileadh o gach cuibhreach, sealladh blasta air gradh Dhe, agus air gloir shiorruidh, agus an leithid sin. C. Nach ’eil sinn air ar deanamh ’n ar luchd co’-pairt do chorp agus do fhuil Chriost air mhodh corporra agus feolmhor ann san t sacramaint? F. Cha ’n ’eil. C. Ciod an seagh ata aig na briathraibh sin ann san fhreagra? F. A theagasg dhuinn, nach ’eil * nuadh bhrioghachadh idir ann, no atharachadh, air an aran no air an fhion ann san t sacramaint gu fior chorp agus fuil Chriost, mar ’ta na Papanaich ag cur rompa. C. Nach ’eil Criost gu fior agus da rireadh a lathair ann san t sacramaint? F. Ata e lathair air doigh spioradail, le a Spiorad, agus le a’ ghras, ach ni bheil e lathair air mhodh corporra. * briogh atharrach. [TD 396] C. Am bheil na h eilemeinte ag fanntain nan aran agus nam fion an diaidh an coisreagadh? F. Ata; oir ’ta ar tuigs’ agus ar riosun gu soilleir mar fhia’ na’s air a so, agus ata Criost, agus a chuid abstol gu direach’ ’g na ainmeacha’ mar so. Ata an t abstol Pol ann labhairt air an aran, tri uaireabh ag radh aran ris, ann diaidh a choisreagadh, agus ata Criost ag radh toradh na fineamhain ris a chupan, ann am a fhrithealaidh. 1 Cor. 11. 26, 27, 28. Mar. 26. 29. C. Ciod e ma ’ta, is seagh do bhriathraibh sin Chriost. “Gabhaibh, ithibh; is é so mo chorpsa, a ’ta air a bhriseadh air bhur son-sa?’ F. Is è seagh soilleir agus direach nam briathraib sin, gu ’m bheil an t aran bristeadh a’ cialluchadh agus ag taisbean corp Chriost, a bha gu bhi air a bhriseadh agus air a lota air ar soin’ ne. Air an amhail cheadna, a dubhairt Criost, “Is e an cupan so an tiomnadh nuadh ann a m’ fhuil’-se;” cha ’n è gun roibh è ag cialluchadh gun d’ atharraiche an cupan sin gus an tiomnadh nuadh, ach amhain gu roibh e mar chumharth’ agus mar sheul air an tiomnadh nuadh agus air a shochairibh. C. Nach eigin do chorp Chriost fantain air neamh gu aimsiribh aisig nan uile nithe, aig a theachd an dara h uair? F. Is eigin; ata an t abstol Peadar ag labhairt so, Gniomh. 3. 21. Os barr; ata Josa Criost è fein ag radh, anois cha ’n ’eil mise ni ’s mo ann san t saoghal Eoin. 17. 11. C. Am fead fior chorp duine bhi air neamh, agus air thalamh, seadh ann i omad mile áite do ’n talamh ann san aon am? F. Cha ’n fhead. C. Am bheil è ag co’ sheasamh re staid ghlormhor corp Chriost air neamh, gu ’m bithidh e tuille buailteach do fhulangas, agus do dhi-meas? F. Cha ’n ’eil. [TD 397] C. Nach bithidh e buailteach dhoibh sin am bitheagh teagasg na nuadh-bhrioghadh fior? F. Bhitheagh: oir le so dh’ fheadadh e do ghna’ bhi air a lot’, seadh, air a thoirt as a cheile, no air a losgadh: fheadadh e bhi air ithe le droch dhaoine, no le beistibh, agus air a thilgeadh a mach air an otrach; nithe ’ta ro sgreitidh r’ a smuainteach mu chorp glormhor mhic De. C. Nach bu choir dhuinn briathra Chriost, is e so mo chorpsa, a thuigsin ann seagh cosamhlachd, thaobh gu ’m bithidh na nithe a leanadh seagh eile co mhi riosunta? F. B’ eadh; gu h airid, do bhri’ gu ’m bheil Criost gu tric a labhairt r’ a dheisciobuil air a mhodh so, ag radh ris fein, aran, an dorus, an fhineamhuin, &c. Agus gu sonruighte mu na sacramainte, ag radh mu thimchill-ghearradh, is è so dol thairis an Tighearna, Gin. 17. 10. Ecsod. 12. 11. Agus chi sinn gu soilleir, gu bheil an Spiorad naomh ag radh re creidmhich, is sibhse corp Chriost, 1 Cor. 12. 27. gidheadh ata na h uile ag cordadh mu na briathraibh sin a ghabhail ann an seagh cosamhlachd: agus c’ ar son nach gabhar briathraibh Chriost, is è so mo chorpsa, ann san t seagh sin mar an ceadna. C. O nach ’eil creidmhich ag faghail co’ pairt do chorp agus do fhuil Chriost air mhodh corporra ann san t sacramaint, cionnas ata iad ag faghail co’-pairt dh e? F. Ata iad ag faghail co’ pairt ann Criost leis an t sacramaint trid creideamh, ’n uair ata toraidh agus sochairibh bàis Chriost air an co’ chuir r’ an anamaibh le creideamh, leis am bheil iad ag faghail beathacha spioradail, agus fàs ann gràs, Eabh. 3. 14. 1 Cor. 10. 16. Eoin 6. 35, 47, 58, 63. C. Cionnas ata creideamh r’ a chuir ann gniomh ann gabhail a chomonnuiche? F. Air iomad doidh, 1. Ann aithne a dheanamh air Criost air a cheusadh, le uile shochairean [TD 398] faoi na h eilemeinte, agus bhi ag amharc air sin air son saorsadh agus slannuchaidh. 2. Le bhi ag teicheadh dh’ ionnsaidh lotaibh Chriost, chum dion ò fheirg Dhe. 3. Le bhi ag dlu’ ghabhail Chriost, le uil’ oifigibh, agus le uile shochaire, mar ata e air a thairgse dhuinne ann tabhairt an arain agus an fhiona. 4. Le cinnt agus lan dearbhadh a bhi aguinn, gu bheil foillseachadh an t soisgeil, agus geallanna slainte trid fuil agus feartaibh Chriost, fior agus da rireadh. 5. Ann bhi ag co’ chuir feartaibh agus eifeachd fuil diolaidh Chriost rinn fein, chum ar coguis a chuir na tosd, ar ’n anamaibh ath-nuadhacha, ar peacaidh’ ne a chuir fuidh chois, agus chum ar ’n ath-bheothachadh, agus ar neartachadh ann gràs. 6. Ann bhi ag tagradh na fola so re Dia, chum logha cionta, chum ’s gun gabhadh è rinne gu taitneach, agus chum naomhachadh, agus glorachadh. 7. Le bhi ’g ar toirt fein suas do Chriost, eidear anam agus chorp, chum bhi air ar teagasg le a Spiorad, chum bhi air ar riaghluchadh le a reachd, & bhi air ar teasairgin le fhuil sin. C. Am bheil na creidmhich ag faghail beathachadh, agus fàs ann gràs, le bhi ag cuir creideamh ann gniomh ann gabhail na sacramaint air an doidh so? F. Ata. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn ma ’ta sinn ag faghail beathachaidh agus fàs ann gràs leis an t sacramaint so? F. Feadaidh sinn aithnich leis na comharthaidh sin, 1. Ma ’ta tuille tlachd agus speis aguinn do nithe spioradail na bha aguinn roimhe. 2. Ma ’ta sinn ag tarruing feartaibh o bhàs Chriost chum am peacadh a bha bacadh ar neart agus ar fàs ann gràs a cheusadh. 3. Ma bhios sinn ni ’s mo air ar freamhachadh, agus air ar socruchadh ann gràs, air ar daingneacha’ ann an creideamh, agus ag fàs [TD 399] ann an irioslachd, agus ann Spioradalachd inntin. 4. Ma ’ta sinn ag buannachadh ni ’s mo ann urnaidh, agus ann toradh na naomhachd, agus ann sgach dleasdanas ata mar fhiacha oirne do Dhia & do dhuine. Ceist XCVII. Creud is feumail do ’n droing sin a dheanamh leis am b’ aill suipeir an Tighearna a ghabhail gu h iomchuidh? F. Is feumail dhoibh iad fein a cheasnucha ann nan eòlas chum aithne do dheanamh air corp an Tighearna, ann nan creideamh, chum beatha an anama a tharruing as, ann an aithreachas, nan gradh, agus ’n an nuadh-umhlachd: d’ eagal air teachd dhoibh gu neimh-iomchuidh, gu ’n ithfid no gu ’n olfuid breitheanais dhoibh fein. C. Am fead neo’ chreidmhich, fhad sa bhuanaicheas iad mar sin suipeir an Tighearna a ghabhail gu h iomchuidh? F. Cha ’n fhead; oir mar nach ’eil iad san ann coi’ cheangal re Dia trid Josa Criost, ni bheil coir ac’ air seul daingneachadh a choi’-cheangal so. C. Am bheil an t sacramaint so air a h orduchadh air son iompochaidh? F. Cha ’n ’eil. C. Nach ’eil e ro chunntartach teachd gu neo’-iomchuidh? F. Ata. C. Cionnas a sheachnas sinn an cunntart so? F. Le bhi ag oirpeachadh deasachadh thaobh ar staidne, agus fònn ar ’n anama mar aon, eadhon, le bhi ag saothrachadh bhi ann staid nan gràs, [TD 400] agus an gràs sinn, a bhi air a tharruing amach gu bhi gniomhach. C. Cionnas a rigeas sinn air an deasacha so? F. Le bhi ’g ar ceasnucha’ fein, 1 Cor. 11. 28. C. Ciod is cial do fhein-cheasnuchadh ann sa chuis so? F. Duine bhi ag dol air uaignuidheas o lathair an t saoghail, agus a chridhe fein a sgrudadh le ceistibh airid thaobh a staid, am bheil, no nach ’eil e iomchuidh air bòrd an Tighearna, agus anam a chuir chuige chum freagradh soilleir a thabhairt. C. Creud iad na nithe m’ am bu choir dhuinn sinn fein a cheasnuchadh chum suipeir an Tighearn’ a ghabhail? F. Ata am freagradh ag ainmeachadh cuig nithe sonruighte, m’ am bu choir dhuinn sinn fein a cheasnachadh, eadhon, ar ’n eòlas, ar creideamh, ar ’n aithreachas, ar gradh, agus ar nuadh-umhluchd. C. Ciod a’ chrioch m’ an eigin dhuinn eólas a bhi aguinn? F. Chum bhi comasach air aithne dheanamh air corp an Tighearna ann sann t sacramaint. C. Creud e sin, aithne a dheanamh air corp an Tighearna ann san t sacramaint? F. Is e sin eider-dhealuch ceart a chuir eidear na comharthaidh o ’n leath muigh, agus na nithe spioradail ata air an cialluchadh leo; agus tuigs’ iomchuidh a bhi aguinn, air mor luach agus oirdheirceachd cuirp agus fola Chriost, agus air na sochairibh a chosnadh leis, agus mar an ceadna, aithne bhi aguinn air ro mhead fulangais ar Tighearna, chum ’s gu ’m bithidh an gradh a thaisbean è le sin ag drutha gu domhain air ar ’n anamaibh, agus lan doilghios oirn’ air son ar peacaidh’ ne a tharruing air sin iad. C. Creud ata sinn r’ a cheasnacha thaobh ar ’n eólais? [TD 401] F. Da ni, 1. Am bheil e iomchuidh ann a thomhas. 2. Am bheil e slainteil ann a nadurra. C. Ciod an tomhas eòluis ata feumail chum suipeir an Tighearna a ghabhail gu h iomchuidh? F. Is eigin dhuinn, eòlas a bhi aguinn. 1. Air Dia ann an aonachd a nadurra, agus trionaid, a phearsaidh. 2. Air an duine ann a staid roimh an leagadh, agus na dhiaidh mar aon. 3. Air Criost an t eider-mheadhoin-fhear, ann a dha nadurra, agus na thri oifigibh. 4. Air coi’ cheangal nan gras, agus slighe na saorsa trid fireantachd urrais Chriost. 5. Air seulaibh a choi’-cheangail, gu sonruighte air suipeir an Tighearna, & air a chrich gus an d’ orduighe i. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn ma ’ta ar ’n eòlas slainteil ann a nadurra? F. Feadaidh sinn a mheas gu ’m bheil e mar so, 1. Ma bhios e ’g ar ’n irioslachadh, agus ’g ar lionadh le doilghios air son ar peacaidh’ ne. Sech. 12. 10. 2. Ma bhios e ag cuir fein-speis air cul, agus ’g ar treoruchadh a dh’ ionnsuidh Chriost, agus fhireantachd san amhain, mar bhunait’ ar dochais, Phil. 3. 8, 9. 3. Ma bhios e ag oibreachadh air ar cridhe agus air ar beatha mar aon, chum ar ’n uile dhicheall a ghnathachadh gu bhi cosmhail rè Criost ar ceann’ ne, 2 Cor. 3. 18. C. Creud am feum ata ann creideamh ann an suipeir an Tighearna? F. Chum beatha a tharruing o Chriost air a cheusaidh, no bhi ag co’chuir sochairibh agus toraidh a bhàis sin r’ ar ’n anamaibh. C. Ciod ata r’ a thuigsin le bhi ag tarruing beatha o Chriost tre creideamh ann san t sacramaint? F. Ata so ag cialluchadh, ocras agus iotadh an anama ann diaidh Chriost, agus bhi ’g a dhlu-ghabhail trid creideamh; tuigear le so mar an ceadna, gu ’m bheil an t anam ceangailte re Criost, agus ag faghail co’-pairt ann an sochairean a bhàis sin: gu ’m bheil mor thlachd aig an anam ann san, [TD 402] agus gu bheil se ag tarruing beatha, neart, agus fàs uaithe sin. C. Cionnas a dh’ aithneas sinn am bheil ar creidimh fior agus slainteil? F. Feadaidh sinn a mheas gu bheil e mar so ma ’ta se ag maothachadh agus a glanadh a chridhe, ma ’ta è ag deanamh Chriost luachmhor ann ar suilibh, ma ’ta e ’g oibreachadh trid graidh ma ’ta e ’g ar togbhail ois’ cionn an t saoghail, agus ’g ar deanamh tarbhach ann deagh oibridh. C. Creud am feum ata ann aithreachas ann an gabhail suipeir an Tighearna? F. Is feumail dhuinn ann ar cumhnant a nuadhachadh re Dia, bhi tuirseach air son gach briseadh agus cul-sleumhnachadh, san aimsir a chuaidh seuchad; chum ann amharc air an t slanui’-fhear ag dortadh fhola, gu bitheamaid re bròn air son ar peacaidh’ ne, a tharruing an do’ruinn sin uil’ air sin; chum s gun gabhamaid re Criost air a bhriseadh, le cridheachan bristeadh, agus gu cuireamaid romhain gu daingion ann a neart sin, nach lot’ sinne e le ’r peacaidh ni as mo. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn am bheil ar ’n aithreachas fior agus neo’-mheangail? F. Ata e mar so, ma ’ta am mothachadh ata aguinn do ’n pheacadh ’g ar cuir a dh’ ionnsuidh Chriost amhain, mar leigh d’ ar ’n anamaibh; ma ’ta ar doilghios air son peacaidh iomlan, air son ruailleachd ar nadurra, co mhaith re ar droch ghniomhartha; ma ’ta sinn gu treimh-dhireach ag iarraidh fuasgladh o gach peacadh, agus truailleachd, ag oirpeachadh naomhachd iomlan, agus curamach a sheachnadh gach peacaidh, agus a dheanamh gach dleasdanais as aithne dhuinn, a thaobh Dhe agus dhaoine. C. C’ ar son ata gradh co fheumail aig bord an Tighearna? F. Do bhri’ gur feisd ghraidh so, ann sam bheil an taisbean a’s mo a fhuair an saoghal riamh [TD 403] aguinne air gradh Dhia do pheacaich, agus bu choir dhuinn an gradh is mo a nochda’ na lorg so, eadhon, gradh do Dhia, agus do ’n fhear shaoraidh, da luchd muintir sin, seadh fos, d’ ar naimhde. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn, ma ’ta fior ghradh aguinn do Dhia, agus do Josa Criost? F. Feadaidh sinn a mheas gu ’m bheil e mar so, m’ as ionmhuinn leinn Dia o’s gach aon ni, ma ’ta sinn ag coimhead àitheanta, ma ’ta eagal a dhiom oirne, ma ’ta sinn faiceallach ma ghloir sin, ma ’ta sinn re gairdeachas mu shoirbheas an t soisgeil, ma ’ta sinn fuidh bhròn ’n ’tra dh’ fholaicheas e a ghnuis, agus ag ploscairteach na dhiaidh, le dian thogradh chum bhi cosmhuil ris sin. C. Nach e run suidheighte gach neach, a ghabhas suipeir an Tighearna gu h iomchuidh, nuadh-umhluchd a chuir an gniomh ann neart Chriost, le bhi cur cul ris gach aon pheacadh, agus a leantuinn an uain ge b’ e àite an d’ theid e? F. Is è. C. Nach ’eil fein-cheasnuchadh thaobh gach ni dhiubh sin, ro fheumail m’ an gabh sinn an t sacramaint so? Ata; oir le so, ata sinn ag faghail fios air ar staid, ata e ’g ar ’n irioslachadh air son ar faileanaibh, agus ’g ar brosnuchadh a dhol a dh’ ionnsuidh an iomlanachd ata ann Criost, chum leasachadh fhaghail d’ ar ’n uir-easbhuidh uile. C. Nach ’eil è ro chunntartach dearmad a dheanamh air fein cheasnuchadh roimh ghabhail suipeir an Tighearna? F. Ata; oir ’ta am freagradh ag radh, gur eigin do na h uile iad fein a cheasnuchadh, air eagal teachd gu neo’-iomchuidh-dhoibh, gu n ithe, no gun olfaid breitheanas dhoibh fein. C. Nach coir dhuinn urnaigh dhurachdach a chur re fein cheasnachadh? F. Is coir. [TD 404] C. Creud iad na nithe bu choir dhuinn iarruidh ’n ar ’n urnaigh m’ an d’ thig sinn gu bord an Tighearna? F. Gu ’n ull’ uichibh Dia ar ’n anamaibh chum teachd co dlu’ dh’ a fein; gun ath-bheothaicheadh è gach gràs feumail ionnaine gun d’ thugadh è gu gniomh beothail iad, & gu teasairgidh è sinne o theachd gu neo’-iomchuidh chum a bhuird naomtha san. C. Co iad an droing ata ag teachd gu neo’-iomchuidh gu bord an Tighearna? F. Na h uile ata ain-eolach, agus mi Dhiadhaidh, agus iadsan ata ag caithe am beatha ann aon pheacadh le ’m fios, iad san nach ’eil ann sith re Dia, agus r’ an coimhearsnaich; na h uile ’ta ag dearmad iad fein a dheasachadh le geur chnuasachd, agus urnaigh chum an gràsaibh a dhusgadh suas gu beothalachd m’ an d’ thig iad air ann aghaidh. F. Creud e peacadh na droing ata ag teachd gu neo’-iomchuidh? F. Ata iad ciontach ann an corp agus fuil an Tighearna, oir is luchd pairt leis na h Judhaich a cheus Criost iad, le bhi a’ toirt oidheachd do ’n pheacadh, an ni a chuir gu bàs e, 1 Cor. 11. 27. C. Ciod an cunntart ann sam bheil an droing ata ag teachd gu neo’-iomchuidh? F. Ata iad ag ith agus ag ol breitheanas dhoibh fein, 1 Cor. 11. 29, 30. C. Ciod am breitheanas a chuir Dhia air an luchd gabhail neo’-iomchuidh ann an Corinth? F. Tinneas agus bàs, 1 Cor. 11. 30. C. Am fuighear maitheanas ann san pheacadh so ann lorg aithreachais? F. Gheabhar; oir ata fuil Chriost a’ glanadh o gach peaca’. C. Am fead iadsan aig nach ’eil lan dearbh-bheachd teachd gu bord an Tighearna? F. Feadaidh ma bhios mothach’ aca d’ n feum [TD 405] air Criost, agus dian thogradh chum ’s gu ’m fuighear ann san iad; oir ata an t sacramaint so, na meadhoin chum gràs lag a neartucha, agus a righeachd air dearbha air gradh Dhe do anamaibh * teagmhach. C. Ciod a ni an dream sin, nach ’éil ag righeachd air fónn iomchuidh ánama a theachd am fogus do Dhia ann san riaghail so, ann diaidh gach oirp’ ata ’n an comas? F. Bu choir dhoibh an staid a chaoidh ann lathair an Tighearna, gidheadh ann an umhlachd do àitthne sin, bu choir dhoibh teachd air ann aghaidh, a thoirt onoir d’ an slanuidh-fhear a dh’ orduigh an t sacramaint so, chum an leithid sin a a thoirt gu fònn iomchuidh anama. Oir is i an doidh as fearr ann san staid is measa am fead sinn a bhi, teachd a dh’ ionnsaidh Dhe, a gheall comhdhail dhoibh sin ata ’g a chuimhneachadh ’na shlighibh, oir is tric a fhreasdail e luchd muintir le spiorad beothalachd, ’n uair nach roibh iad ag amharc air a shon; air dh’ a bhi ’g an faicsin ag cathachadh ann aghaidh am marbhantais ann an gnathachadh na meadhonadh. Ceist XCVIII. Creud is urnaigh ann? F. Is i is urnaigh ann, tabhairt suas ar ’n athchuinge do Dhia, ag iarruidh nitheanna do reir a thoil ann ainm Chriost, ag aidmheil ar peacaidh, agus ag toirt buidheachais dh’ a air son a thiolacaibh. C. Creud iad cotchaibh urnuidh ata ainmighte ann san fhreagradh? F. An triur sin, eadhon, iartas, aidmheil, agus buidheachas. C. Ciod an t ainm ata ar ’n athchuinge re Dia ag faghail ann san fhreagradh? * amharsach. [TD 406] F. A deirir tairgse ar ’n iartais, no air tograidh’ re Dia riu. C. Am bheil Dia ag meas ofrail ar beoil amhain, mar athchuinge no urnaigh ris? F. Cha ’n ’eil; a’s eagmhuis tograidh a chridhe; ge do gabhas e re tograidh a chridhe, ma bhios iad treibh-dhireach as eagmhuis briathraibh a bheil, mar rinn e re Maois agus re Hannah, Ecsod. 14. 15. 1 Sam. 1. 13. C. Nach coir dhuinn feum a dheanamh d’ ar guth agus d’ ar briathraibh ann togradh ar cridhe a thairg se do Dhia? F, Is coir, ’n uair a bhios am, agus àit’ iomchuidh aguinn air a shon; oir ata so feumail a chuir grabadh air smuainteadh seachranach, a mheadachadh durachd, agus a thoirt gloir do Dhia leis an Duine o’n leath ’mach, Sal. 5. 3. & 55, 17. & 69. 3. C. Am feadar urnaidh a dhearmad ma bhios e mar leath-sgeul aig daoine, nach ’eil e nan comas briathraibh a ghnathacha’ co iomchuidh re daoin’ eile? F. Cha ’n fheadar; oir is iad tograidh a chridhe ’ta Dia gu h airid ag iarruidh, agus ma bhios iad treibh-dhireach, gabhaidh e riu, ge nach bi na briathraibh co iomchuidh. Agus uaithe so ’ta an Salmoidear ag gabhail misnich ann a thriobluid, Sal. 38. 9. O Thighearna ’ta m’ uile mhiann ann ’do lathair, agus ni bheil m’ osnuigh am follach ort sa. C. Cia dh’ a is coir dhuinn ar tograidh a thairgse ann ar ’n urnaigh? F. Do Dhia amhain, Sal. 50. 15. agus 62. 8. Mat. 4. 10. agus 6. 9. C. Am fead sinn urnuidh a dheanamh re h aon air bith do thri pearsaidh na Diadhachd? F. Feadaidh, oir chi sinn ann san sgriobtur, gu ’m bheil urnuidh air uaireadh ’g a cur suas re [TD 407] Dia an t Athair. Eoin 16. 23. Eph. 3, 14. Air uaireadh ris an Mhac, Mat. 8. 2. Gniomh. 7. 59. 1 Cor. 1. 2. Agus air uaireadh ris an Spiorad Naomh, 2 Cor. 13. 14. Ach air achd, is ’n tra’ bhios aon air ainmeachadh, gu bheil an dias eile air an gabhail a steach, do bhridh gur AON ann Tri, agus gur AON Dia iad. C. C’ ar son as eigin urnuidh dheanamh re Dia amhain? F. Do bhri’ gu ’m bheil e air àithne dhuinn so a dheanamh, agus is e Dia amhain ata ag rannsuchadh ar crideachan, ata fiosrach air ar staid ne, agus a dh’ fheadas congnadh leinn ann ’s gach càs, Mat. 4. 10. Sal. 34. 15, 17. 2 Righ. 6. 26, 27. agus uaithe so, ta e a gabhail an ainm sin dh’ a fein an Dia a dh’ eisdeas urnuidh, Sal. 65. 2. C. Nach fead sin urnuidh dheanamh re Naoimh, no re ainglibh, no ris an oighe Muire? F. Cha ’n fhead; oir cha ’n ’eil àithne, no gealladh, no eiseimpleir aguinn air a shon ann sna sgriobtuiribh uile, ach ’na àite sin, ata e air a thoirmeafg dhuinn so a dheanamh, oir is iodhol-adhraidh e; cha ’n aithne do na naoimh ar staid ne, agus ata iad air am malluchadh ata ’g earbsa, a duine, Mat. 4. 10. Isa. 42. 8. Ecsod. 20. 3. Col. 2. 18. Tais. 19. 10. Isa. 63. 16. Jer. 17. 5. C. Nach fead sinn urnuidh dheanamh ris na Naoimh air neamh, co maith a’s a dh’ iarras sinn congnadh urnuidh nan naomh air thalamh? F. Cha ’n ’eil sinn ag deanamh urnuidh ris na naoimh air thalamh le urram crabhach a thoirt dhoibh, ach amhain, ag iarruidh an congnadh seirceil am feadh ’ta fath aguinn air bhi ’n an co’ chuideachd san t saoghal so, ni ata barrantas aguinn air a shon, 2 Thess. 3. 1. Seum. 5. 14, [TD 408] 16. Ach ata na naoimh air neamh ain-eolach oirne, Is 63. 16. C. Am fead sinne ’n ar urnuidh ni air bith a nochdadh do Dhia nach b’ aithne dh’ a roimh laimh? F. Cha ’n fhead, oir ’s àithne dh’ a ar smuainteadh fad o laimh, Sal. 139. 2. Ach gidheadh, ’s aill leis a chur mar fhiacha oirn’ ar ’n athchuinge a nochdadh dh’ a, mar na meadhona trid am fuigh sinn na nithe maith a ghealladh dhuinn, Phil. 4. 6. Sal. 50 15. Joel 2. 32. Rom. 10. 12, C. Am fead sinn ni maith air bith a thoiltean o Dhia le ’r ’n urnuidh? F. Cha ’n fhead: oir ann urnuidh, ata sinn ag teachd mar dheircich thruagh, ag iarruidh air Dia d’ a dheagh-ghean fein amhain. C. Mu reimh orduigh Dhia nithe feumail a thoirt dhuinne, ciod am feum ata air an iarruidh le urnuidh? F. Do bhri’ gu d’ àithn’ Dia so dhuinn’, agus dh’ orduigh se tiodhlacaidh a thabhairt ann an slighe urnuidh. C. Nach ’eil urnuidh na sochair dhuinn, amhail mar ata i na dleasdanas? F. Ata; agus sochair ro mhòr so, gu bheil e air a cheuduchadh do chreatuiribh co shuarach ruinne, teachd am fogus do ’n ard Righ, air doigh chairdeil, chum ar staid a nochdadh ’n lathair sin, far am bheil na h ainglibh ag folach an gnuis. C. Creud iad na nithe m’ an coir dhuinn ar tograidh chur suas re Dia ann ar ’n urnuidh? F. Ni h ann air son nithe mìo-laghail, ach air son nithe do reir toil De, 1 Eoin 5. 14. C. Ciod ata thu cialluchadh le toil De, ata mar riaghail dhuinn ann ar ’n urnuidh? F. Cha ’n i a thoil dhiomhair, air nach ’eil fhios aguinn, ach a thoil fhoillsichte ’ta air a cur sios ann a fhocal. [TD 409] C. Creud iad na nithe sin do reir toil fhoillsighte Dhe is coir dhuinn iarruidh ann ar ’n urnuidh? F. Coir agus sealbh ann an Criost, maitheanas cionta, leasachadh gràis, saorsadh o pheacadh agus o fheirg Dhe, beatha shiorruidh, agus an leithid sin. C. Am fead sinn urnuidh a dheanamh air son nithe maith na beatha so? F. Feadaidh; ach ni h ann gu h airid, no san cheud àite. C. Ciod iad na nithe as coir dhuinn iarruidh air thus? F. Nithe spioradail, gu sonruight Josa Criost, agus a gràs sin. C. Nach bu choir nithe spioradail agus aimseireil, iarruidh air doidh eider-dhealuighte? F. B’ eadh; oir bu choir dhuinn nithe spioradail iarruidh gu neo’ fhuasgailte; ach nithe aimseireil air chumhnant mar fhreagras sin do thoil De. C. Ciod e an cumhnant air am bu choir dhuinn nithe maith aimseireil iarruidh? F. Air chumhnant gu bheil Dia ’g am fhaicsin iomchuidh chum a ghloir fein, agus ar maith ne an luidheasach oirne, 2 Sam. 10. 12. agus 15. 25, 26. Mar. 8. 2. C. ’M bu choir dhuinn bhi co durachdach a dh’-iarruidh sochairibh aimseiriel, agus a bhios sinn mu nithe spioradail? F. Cha b’ eadh. C. ’M bu choir dhuinn gach gne do shochairibh spioradail iarruidh air an aon doidh? F. Cha b’ eadh, oir bu choir dhuinn na nithe ata priemh-fheumail iarruidh gu neo’ fhuasgailte, eadhon, Criost, creideamh, maitheanas, buan-mhaireachduin ann staid nan gràs, agus an leithid sin. Ach mu na nithe nach ’eil preimh-fheumail chum slainte, eadhon, an tomhas as mo do ghràsaibh, do ghifte agus co’-fhurtachd spioradail, fuasgladh o bhuaireadh agus an leithid sin, bu [TD 410] choir dhuinn an iarruidh air chumhnant, agus an geill do thoil De? C. C’ ar son a dh’ fheadas sinn Criost agus a ghràsaibh iarruidh air doidh neo’-fhuasgailte? F. Do bhri’ gu ’m bheil iad gu neo’-fhuasgailte air an gealltain, agus ata cinnt aguinn, gu ’m bheil iad chum gloir Dhe, agus ar fior shonas fein, oir cha ’n fhead sinn gloir a thoirt do Dhia ann sa bheatha so, no mhealtain sin ath-bheatha as an eagmhuis. C. Nach bu choir dhuinn urnuidh dheanamh air son gach inmhe dhaoinibh? F. B’ eadh; mar ’ta righribh, riaghluidhfheara, ministeiribh, na naoimh gu h uile, air son na dream ata fuidh thriobluid, air son na dream a ta neo’-iompoichte, air son ar daimh agus ar cairde, seadh sos air son ar naimhde, 1 Tim. 2. 1, 2. Eph. 6. 18, 19. Mat. 5. 44. Sal. 72. 19. agus 67. 2, 3, 4. C. Nach ’eil e air a thoirmeasg dhuinn urnuidh a dheanamh air son cuid eigin? F. Ata; cha ’n fhead sinn urnuidh dheanamh air son nan Daoine ’ta ciontach ann sa pheacadh ann aghaidh an Spiorad Naoimh, no air son na mairbh, no air son na droing ata an ifrinn, 1 Eoin 5. 16. C. Ciod e ma dh’ iarras sinn ni air bith nach ’eil do reir toil De? F. ’N tra’ bhios e mar sin, cha ’n fheud sinn bhi earbsach gu ’m fuigh sinn e, Seam. 4. 3. C. An leoir dhuinn gu bi an ni a dh’ iarras sinn an ar ’n urnuidh ceart, eadhon, gu ’m bi e do reir toil De? F. Cha ’n eadh; ’s eigin d’ ar ’n urnuidh bhi air mhodh ceart mar an ceadna. C. Am fead sinn dol a dh’ ionnsuidh Dhia as eagmhuis eider-mheadhoin-fhear? F. Cha ’n fhead; oir ’ta sinne ciontach, agus buailteach do cheartas, agus cha ’n fheadar [TD 411] lenn teachd am fogus do Dhia, ni ’s mo na dh’-fheadas comhlach do theine lasarrach. C. Co an t eidir-mheadhoin-fhear ata eidear Dia agus duine? F. An duin’ Josa Criost, agus a thuille air sin ni bheil neach eile idir ann, 1 Tim. 2. 5. C. Co an t ainm ann san eigin dhuinn ar togradh a thabhairt suas do Dhia? F. Ann ainm Chriost amhain, an t aon eider-mheadhoin fhear so, Eoin 14. 13, 14. agus 16. 23. C. Ciod ata thu cialluchadhadh le bhi ag deanamh urnuidh ann ainm Christ? An é sin amhain, bhi gnathachadh ainm sin ann ar ’n urnuidh? F. Ata tuilleadh sin ann; oir ata e cialluchadh bhi ag tagradh air feartaibh Chriost, a chosain gach ni ’ta dh’ eas-bhuidh oirne, agus bhi ag earbsa’ as sin amhain, mar an ti trid an gabh Dia ruinne, agus trid am fuigh sinn eisteachd ’n ar ’n urnuidh, Eph. 3. 12. C. Nach e Criost an t aingeal leis an tùiseir óir ata air ainmeachadh, Tais. 8. 3, 4. “Ta ag toirt suas ar ’n urnuighean an lathair righ-chaithir Dhe?” F. Is e. C. Creud an tùis leis am bheil e ag measgadh urnuighin nan Naomh? F. Feartaibh umhlachd agus fhulangais, eadhon, fhireantachd iomlan san. C. Ciod am feum ata air an tùis so a mheasga’ le’r ’n urnuighin? F. A chur deagh bholtrach dhiubh, agus a thoirt air falbh droch bholtrach an neo’-iomlanachd, agus an t salchair ata an co’ chuideachd an dleasdanais as fearr ata sinn ag cur an gniomh. C. Nach fhead sinn feum a dheanamh do naomh, no aingeal, mar luchd eidear-ghuidhe re Dia ann an urnuigh? F. Cha ’n fhead; oir le so dheanamaid an eacoir bu mho air Josa Criost an Tighearna, neach [TD 412] ata ’mhain na fhear eidear-ghuidhe, agus na fhear-tagraidh ann lathair an Athar. 1 Tim. 2. 5. Eabh. 7. 25. Eoin 2. 1. C. Am bheil tuilleadh feumail, chum ar ’n urnuidhean a dheanamh taitneach do Dhia, ach gu ’m bi iad air an cur suas ann ainm Chriost? F. Ata; is eigin an cur suas le irioslachd, creideamh, neo’-mheangalachd, durachd; agus gna’ bhuanachd, Sal. 10. 17. Jer. 29. 13. Eabh. 10. 22. Seum. 1. 6. agus 5. 16. Luc. 18. 1. C. O ’ta iartas aguinn o Thess. 5. 17. urnuigh a dheanamh gun sgur, am fead sin obair air bith eile ach urnuigh a dheanamh? F. Is e seagh nam briathraibh sin, gu ’m bu choir dhuinn buanachadh ann an urnuidh gun sgios, bhi ag coimhid trathaibh suidhighte, agus a’ gabhail gach fàth iomchuidh air son urnuidh, agus bhi dicheallach do ghna’ a chonbhail ar cridhe ann am fònn urnuidh. C. Am fead sinn urnuidh a dhearmad ’n uair nach mothaich sinn ar cridhe ann am fonn iomchuidh air a shon? F. Cha ’n fhead; ’s eigin dhuinn dol le ’r gearann a dh’ ionnsuidh Dhia ata comasach air congnadh leinn, agus gun sgur d’ ar ’n urnuidh gus am mothaich sinn ar cridhe ann am fònn a’s fearr. C. Mar fuigh sinn an tiodhlac a bhitheas sinn ag iarruidh air ball, am fead sinn sgur do urnuidh? F. Cha ’n fhead; ’s eigin dhuinn buannchadh le durachd ann urnuigh, agus gun * fhaillneacha’, Rom. 12. 12. C. Am fead sinn dh’ inn fein urnuigh a dheanamh re Dia air an doidh thaitneach so? F. Cha ’n fhead; agus uime sin, ’s eigin dhuinn Spiorad De a bhi aguinn a dheanamh congnamh le ’r n anmhuinneachd, Rom. 8. 26, 27. Agus * sgitheacha’. [TD 413] uaithe so deirir spiorad na h athchuinge ris, Sech. 12. 10. C. Cionnas ata Spiorad De ’g ar cuideachadh ann ar ’n urnuigh? F. Ata e mar aon ag dusgadh fònn iomchuidh urnuidh ionnain e, agus ’g ar stiuradh gu nithe agus briathraibh iomchuidh ann an urnuidh, do bhri’ nach aithne dhuinn ciod a dh’ iarramaid ann urnuidh mar bu choir dhuinn, Rom. 8. 26. C. Nach ann mar so ’ta an Spiorad ag deanamh eidear-ghuidh’ air ar son ne? F. Is ann. C. Am bheil gach urnuidh a nithear re Dia taitneach dh’ a agus air am freagradh leis? F. Cha ’n ’eil; oir ata urnuidh nan aingidh graineil do ’n Tighearna, Sean. 15. 8. C. Cionnas ata e tachairt nach ’eil speis aig Dia, do urnuighean morain? F. Do bhri’ gu bheil iad ag toirt speis do aingidheachd ann nan cridheachan, eadhon, do mhi-chreideamh, do uaibhreachas, do shannt, do mhio-run, agus ain-iochd ris na bochdan; agus ata Dia ag bagradh urnuigh a dhruideadh amach air son gach aon dhuibh sin, Sal. 66. 18. Seum. 1. 7. Sal. 138. 6. Isa. 57. 17. Mat. 5. 24. agus 6. 15. Sean. 21. 13. C. Nach ’eil Dia air uairibh ag cur dail car seall, ann am freagradh a thoirt d’ a luchd muintir fein ann an urnuighibh? F. Ata e ’g a dheanamh so, d’ an cronachadh, agus d’ an irioslachadh air son am peacaidh ne, a dh’ fheuchain an creideamh agus am foighidin, d’ an ath-bheothachadh gu tuilleadh durachd ann urnuigh, agus a dheanamh tiodhlacaidh ni as blasta ’n tra’ gheibh siad iad, Isa. 59, 2. Mat. 15. 26, 28. Is. 64. 7. 2 Cor. 12. 8, 9. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinn am bheil ar ’n-urnuigh taitneach do Dhia, ’n uair nach ’eil sinn ag faghail freagraidh dhoibh? [TD 414] F. Is comhartha maith gu ’m bheil iad taitneach ’n uair ata sinn ag faghail cuidicheadh gu feitheamh air Dia ann slighe ar dleasdanais, agus ar cridheachan air an cuir am farsingeachd ann urnuidh; no, ’n uair as toileach leinn a ghloir a thoirt do Dhia, agus coire di eisteachd a gabhail d’ ar ’n-ionnsuidh fein, Isa. 8. 17. Sal. 138. 3. Caoi. 3. 39, 40, 41. C. Nach ’eil Dia ag freagradh a luchd muintir air uaireadh ann nan urnuigh, ge nach ’eil iad ag faghail nan ceart nithe ata iad ag iarruidh? F. Ata, ’n uair a gheabh iad nithe co mhaith ’n an àite, no nithe as mo am feum orra; ’n uair ata iad ag faghail sochairibh spioradail ann àite sochairean aimseireil, earbsadh ni as treise a Criost an àite lan dearbhadh, no tuilleadh irioslachadh agus dortadh ’mach a chridhe air son peacaidh, ann àit’ aoibhneas agus gairdeachais. C. Ciod an dara ni ’ta ann urnuigh ata air ainmeachadh ann san fhreagradh? F. Aidmheil peacaidh. C. Nach bu choir dhuinn ar ’n athchuinge air son maitheanas agus trocair, a chur suas le aidmheil iriosal air ar peacaidh ne? F. B’ eadh, am b’ aill leinn gu ’m bithidh iad taitneach do Dhia, agus buineach dhuinn fein, Luc. 18. 13, 14. C. Ciod iad na peacaidh bu choir dhuinn aidmheil do Dhia? F. Ar ’n uile pheacaidh gin, agus gniomh, mar aon, thaobh deanadais, agus dearmaid, peacaidh cridhe, agus beatha, peacaidh briathraibh, agus gniomhartha, leis gach ann-tromachadh, agus an droch thoilteanas air laimh Dhe. C. Ciod an doidh air am bu choir dhuinn ar peacaidh aidmheil ann lathair an Tighearna? F. Bu choir dhuinn ar peacaidh aidmheil gu h iriosal, gu saor, agus gu h iomlan, agus le moran [TD 415] broin, agus doilghios air an son, fuath dhoibh, agus le rùn daingion agus suidhighte ’n an aghaidh ann an neart Chriost. C. Nach eigin dhuinn am peacadh a threigsin co mhaith is aidmhicheadh? F. Is eigin, oir is iad an dream a ni sin amhain a gheabh trocair, Sean. 28. 13. C. Creud e an treas ni ata ann urnuigh air ainmeachadh ann san fhreagradh? F. Bhi ag tabhairt buidheachais do Dhia air son a thiodhlacaidh dhuinne. C. Nach coir do ghna’ bhuidheachas bhi ann co’-chuideachd ar ’n athchuinge re Dia? F. Is coir, oir ata Dia ag iarruidh so, agus ag amharc air a shon; agus is ro thlachdmhor leis e, Phil. 4. 6. Luc. 17. 77. Sal. 69. 31. C. Creud iad na tiodhlacaidh bu choir dhuinn aidmhicheadh le buidheachas? F. Gach sochair spioradail agus aimseireil ata sinn ag mealtain san am; & na tiodhlacaidh siorruidh ris am bheil ar duil, agus air am bheil gealladh aguinn. C. Creud e an tiodhlac’ a’s mo ’ta aguinn r’ a aidmhicheadh? F. Is è Josa Criost an t sochair as ro mho, agus tiodhlac’ do labhairt Dhe do ’n t saoghal chailte, oir is airidh Dia air mor bhuidheachas air a shon so, trid saoghal nan saoghal, Luc. 1. 72. 2 Cor. 9. 15. C. Nach ’eil buidheachas air son tiodhlacaibh na dhoidh ro shonruighte air Dia a ghloruchadh? F. Ata; oir dubhairt Dia, Sal. 50. 23. “An ti ’ta tabhairt Iobairt buidheachais, bheir e gloir dhamhsa.” C. Cionnas bu choir dhuinn tiodhlacaibh Dhe aidmhicheadh, chum ’s gun d’ thugamaid gloir dh’ a? F. Bu choir dhuinn an aid’ icheadh le buidheachas agus le iongantas, le teas-ghradh do ’n ti ata ’g an tabhairt, agus le mor thlachd ann, gu h ir- [TD 416] iosal, agus le grain dh’ inn fein, le umhlachd agus le beatha tharbhach, le creideamh agus le misneach a dh’ iarruidh tuilleadh, Sal. 103. 1, 2. &c. Sal. 116. 1, 2, 9, 12. Gin. 32. 10, 11. Sal. 4. 2, 3. 2 Cor. 1. 10. Sal. 67. 5, 6. C. Nach bu choir dhuinn aid’ icheadh le tuirse gu bheil sinn co dearmadach, agus co mor ann diaidh laimh ann am buidheachas a thoirt do Dhia, air son gach tiodhlac’ a fhuair sinn uaithe sin? F. B’ eadh. Ceist XCIX. Creud i an riaghail a thug Dia dhuinne d’ ar seoladh ann an urnuigh a dheanamh? F. Ata focal De gu h uile ’g ar seoladh ann an urnuigh a dheanamh, ach is i an riaghail shonruight’ a sheolas sinn, an fhoirm urnuigh sin a theagaisg Criost d’ a dheiscioblaibh, d’ an goirthear gu choitcheann urnuigh an Tighearna. C. Ciod am feum ata aig daoinibh air riaghail & seollanna ann urnuigh? F. Do bhri’ nach aithne dhuinn dh’ inn fein ciod e an ni bu choir dhuinn iarruidh, no cionnas a dh’ iarras sinn e ’n uair a gheabh sinn eòlas air, ach ata sinn ullamh a dhol a’ mearachd thaobh briathraibh ar ’n urnuigh, no thaobh na doidh air an cuir sinn an ceill iad. C. C’ uin ata daoin’ a’ dol a’ mearachd thaobh briathraibh ann an urnuigh? F. ’N uair a dh’ iarras iad nithe nach ’eil maith ann ’ta fein, no iomchuidh air an son sin; Mar so, chuaidh na deisciobuil a’ mearachd, ’n uair a b’ aill leo teine a ghairm o neamh air muintir Shamaria, Luc. 9. 54. C. C’ uin ata daoin’ a’ dol a’ mearachd ann san mhodh air am bheil iad ag deanamh an urnuigh? [TD 417] F. ’N uair bhios iad ag iarruidh tiodhlacaibh gu leath-charbhach, no chum crichibh feolmhor, a shasachadh an ain-miannaibh, Isa. 64. 7. Seam. 4. 3. C. Ciod a fhreasdail Dia dhuinne mar chuideachadh ann ar ’n urnuidh? F. Thug e dhuinn riaghail stiuraidh choitcheann, agus shonruighte mar aon. C. Creud i an riaghail choitcheann a thug Dia dhuinn ann urnuigh? F. Fhocal fein gu h iomlan, ni ’ta ro fheumail d’ ar stiuradh thaobh briathraibh, agus modh ar ’n urnuigh. C. Cionnas ata focal De feumail ’g ar stiuradh ann am briathraibh ar ’n urnuigh? F. Ata am focal ag freasdal briathraibh, iomchuidh air son reamhradh, aidmheil, athchuinge, agus buidheachas ann ar ’n urnuigh. C. Creud iad na nithe ata ’m focal ag freasdal dhuinn mar reamhradh ann ar ’n urnuigh? F. Ata focal De ’g ar freasdal leis an chuntas as airde agus is oirdheirce air tiodolaibh agus buaidhibh Dhe, agus ata so iomchuidh chum teachd am fogus dh’ a, mar ta iad sin, Ecsod. 15. 11. & 34. 6, 7. Neh. 9. 6. Job 9. 4. & 11. 7. & 40, 9. Sal. 83. 18. & 86. 10. & 89. 6, 8. & 90. 2. & 102. 25. 26, 27. & 104. 1, 2, 24. & 139. 7, 8, 9, 10. & 145. 3, 8, 9, 13, 17. Isa. 28. 29. & 40. 12. 14. 17. 22, 28. & 55. 9. Jer. 17. 10. & 31. 35. Mal. 3. 6. Dan. 2. 34, 35. 1 Tim. 1. 17. Tais. 4. 6. 11. C. Creud iad na nithe leis am bheil focal De ’g ar freasdal chum aidmheil ann ar ’n urnuidh? F. Ata e ag cur eisempleir moran do dhaoinibh diadhaidh far comhair, a bha ’g an irioslachadh fein ann lathair Dhe, air son am peacaidh, agus ag aidmheil an gin chionta is an truailleachd, doille an inntin, agus droch mhuinteachd an toile, feolmhorachd am miannaibh, am peacadh dearmaid, [TD 418] agus am peacadh deanadais, le lionmhorachd nan nithe bha ’g an an tromachadh; a reir, Esra 9. 6, 13, 15. Neh. 9. 32. 33, 34, &c. Job 7. 20. & 9. 3, 20. & 15. 14, 15, &c. & 40. 4. & 42. 5, 6. Sal. 14. 3. & 19. 12, & 38. 4, 18 & 40. 12. & 51, 3, 4, 5, &c & 73. 22. Sal. 119. 176. & 130. 3, 4. &c. Isa. 1. 6. & 6. 5. Jer. 5. 3. & 9. 1. & 17. 9. & 21. 18. Caoi. 3. 39, 40, &c. Dan. 4, 5, 6, &c. Luc. 15. 18, 19, 21, Rom. 7. 14, 15, &c. & 8. 7. Eph. 2. 1, 2, 3, &c. & 4. 18. C. Creud iad na nithe thaobh buidheachais leis am bheil am focal ’g ar freasdal ann ar ’n urnuidh? F. Ata e cur eisempleiribh luchd muitir Dhe far comhair, a bha ag toirt cliu agus buidheachais do Dhia, air son a mhaitheas dhoibh ann an oibribh chruthaich agus freasdail, ann an co’-fhurtachdaibh na beatha so, sith agus suaimhneas, soirbheacha’ nan gnothaichibh a luidheasacha dhoibh, ann nan triobluidibh a naomhachadh, agus an slanuchadh o easlaint, agus ann geallaibh a choi’-lionadh, ach gu sonruighhte airson Josa Criost, agus tiodhlacaibh spioradail ann san, Sal. 8. 3, 4. & 65. 9, 10. & 139. 14. & 104. 27, 28, &c. & 3. 5. & 68. 19. Deut. 8. 10. Gin. 32. 10. Isa. 38. 10, 17. Sal. 119. 67. 1 Righ. 8. 56. Luc. 1. 68, 69, &c. Eph. 1. 3. 2 Cor. 9. 15. Isa. 63. 7. Sal. 103. 1, 2, 3 &c. Tais. 1. 5, 6. 1 Eoin 4. 10. C. Creud iad na nithe ata san fhocal d’ ar stiuradh ann ar ’n iartais agus ar ’n athchuingibh? F. Ata moran àitheanta luachmhor, agus geallaibh priseil ann sna sgriobtuiribh, agus feadar gach aon dhiubh sin a thiondadh gu urnuigh agus athchuinge, le bhi guidhe air Dia gun d’ thugadh e gràs dhuinn a thoirt umhlachd d’ a àitheanta, agus d’ ar neartachadh a thagradh air a gheallaibh, agus chum feitheamh air an coi’-lionadh. Os barr, ata eisempleir moran do na naoimh aguinn, leis am bu ghnath bhi guidhe maithea- [TD 419] nais peacaidh, sith reite re Dia, tiodhlacaibh spioradail, lan dearbhadh air gradh Dhe, & sith coguis; air son cridhe nuadh, foillseachadh slainteil, eagal naomh, creideamh, fàs ann gràs; teasairgin o ’n pheacadh agus o mhearachd, gliocas a bhuilleachadh ar ’n aimsir air thalamh, agus d’ ar deasachadh air son bàis, Sal. 51. 1, 2, 3, 7, 9. & 143. 2. Hos. 14. 2. Luc. 18. 13. Jer. 17. 14. Sal. 67. 1, 2. & 106. 4, 5. & 35. 3. Sal. 51. 8, 10, 11, 12. Rom. 15. 13. Sal. 119. 18. 29, 33, 37, 80, 132, 133. Job 34. 32. 1 Thess. 5. 23, 24. Sal. 27. 11, & 86, 11. Luc. 17. 5. Sal. 19. 12, 13. & 39. 4, 5. & 90. 12. Agus ata gach aon dhuibh feumail chum ar stiuradh ann urnuigh. C. Nach ’eil sinn ag faicsin nan naomh air am bheil aithris aguinn san sgriobtur, a’ gnathachadh argumainte re Dia ann an urnuidh, chum an iartais fhaghail. F. Ata, gu tric, agus air an tarruing o throcair nadurra Dhe, o ghloir ainme fein, o fhireantachd, o chumhachd, o gheallaibh, agus o fheartaibh agus fireantachd a mhic Josa Criost, Sal. 86, 5, 15. & 79. 8, 9. Josh. 7. 9. Air 14. 17, 18, 19. Sal. 119. 49. & 74. 20. Neh. 1. 5. Mat. 8. 2. Isa. 64. 6. Jer. 23. 6. Dan. 9. 17, 18, 19. Agus ata iad sin uile air an cur sios d’ ar teagasg, agus mar eisempleir dhuinn. C. Ma ’ta na sgriobtuire co choi’ lionta ’g ar teagasg ann ’s na nithe as coir dhuinn iarruidh ’n ar ’n urnuigh, ciod am feum ata air Spiorad a ghràis, & na h ath-chuinge a gheall Dia a dhortadh amach air a luchd muintir. F. Is i oifig an Spioraid nithe Chriost a ghabhail agus an nochdadh dhuinne, Eoin 16. 15. Teagaisgidh eisean na h uile nithe dhuinn, agus cuiridh e ’n cuimhne dhuinn na h uile nithe, Eoin 14. 26. C. Am bheil na sgriobtuir mar an ceadna ’g ar [TD 420] seoladh m’ an mhodh air an coir dhuinn urnuigh a dheanamh? F. Ata iad ’g ar stiuradh a theachd am fogus do Dhia le neo’ mheangallachd, le irioslachd, le durachd, le buanachadh, agus le creideamh am feartaibh Josa Criost, Eabh. 10. 22. Sal. 10. 17. Seam. 5. 16. & 1. 6. Eoin 6. 23. Luc. 18. 1. C. Creud i an riaghail shonruighte d’ ar seoladh ann urnuigh ata air ainmeachadh ann san fhreagradh. F. An fhoirm urnuigh sin a theagaisg Chriost d’ a dheisciobuil, d’ an goirthear gu choitcheann urnuigh an Tighearna, agus ata i air a cur sios ann a’, Mat. 6. 9, 10, 12, 11. 13. “Air an aobhar sin deanaibh urnuigh air a mhodh so; ar ’n Athar ata air neamh, gu naomhaichear t ainm,” &c. C. C’ ar son a deirir urnuigh an Tighearna ris an urnuidh so, an ann do bhri’ gu roibh e fein ’g a gnathachadh? F. Cha ’n ann; oir cha ’n fhedadh an Tighearn’ Josa a gnathachadh air a shon fein, do bhri’ nach roibh peacadh air bith ann san gu maitheanas iarruidh ann, mar ’ta ann san chuige iarrtas; ach deirir urnuigh an Tighearna ria, thaobh gu do theagaisg e d’ a dheisciobuil i, chum ’s gu gnathaicheadh iadsan i. C. Ciod i an chrioch m’ an do theagaisg Criost an urnuidh so d’ a dheisciobuil? F. Chum an teagasg air doigh a bhitheagh iomchuidh air an staid dhiomhair agus anmhunn ann san roibh iad, ’n uair nach roibh ach beag do ’n Spiorad aca, agus beag eòlais air rùn diomhair an t soisgeil: oir cho roibh e ’g a fhoillseachadh fein ach a chuid a chuid dhoibh; agus uime sin, thug e dhoidh san am sin, foirm aithghear, shoilleir, furras a chuimhneachadh, a bhitheadh na suim iomlan air na nithe sonruighte a dh’ iarruidh iad o Dhia, agus o am feadadh iad tuilleadh briath- [TD 421] raibh iomchuidh ann urnuigh a tharruing; theagaisg e dhoibh le so mar an ceadna, na nithe a bhuineadh do ghloir Dhe iarruidh, air thoiseach air na nithe a bhuineadh dhoibh fein, agus tiodhlacaidh spioradail a roghnachadh air thoiseach air sochairibh aimseireil. C. C’ ar son ata thu ag smuainteachadh gu roibh an urnuigh so air a dealbh fa chomhair na staid ann san roibh na deisciobuil ann san am sin? F. Do bhri’ nach fac an Tighearn’ iomchuidh san am sin, seoladh a thoirt dhoibh urnuigh a dheanamh na ainm sin, no luadh air bith a dheanamh air Criost ann nan urnuighean; ach na dhiaidh sin, ’n uair bu toil leis e fein a nochdadh dhoibh ni bu shoilleireadh mar an t ard shagairt, agus mar iobairt air son peacaich chailte, theagaisg e gu soilleir dhoibh urnuigh a dheanamh na ainm fein, Eoin 16. 23, 24. C. Am b’e run an Tighearna a dheisciobuil a cheangal ris na ceart bhriathraibh a thug e dhoibh, chum gnath-fheum a dheanamh dhiubh ann nan urnuigh? F. Cha b’e; oir thug e an urnuigh so dhoibh, gu h airid mar riaghail chum an cuideachadh ann an urnuigh, air achd a’s gu roibh iad air am fagail gus na ceart bhriathraibh ro bhlasta agus phreiseil so a ghnathacha’, no briathraibh eile iomchuidh air an staid fein, no air staid dhaoin’ eile a chuir riu, a bhitheagh re urnuigh maille riu. C. Cionnas ata thu ag co’ duchadh nach roibh iad air an ceangal ris an fhoirm urnuigh so? F. 1. Do bhri’ gu dubhairt Criost r’ a dheisciobuil, Deanamh urnuigh air a mhodh so, Mat. 6. 9. 2. Ata eider-dhealuch mor eidear Matthew, agus Lucas ann sna briathraibh leis am bheil iad aig deanamh aithris air an urnuigh so. 3. Ata cuid do urnuighean nan abstol aguinn air an cuir sios, mar ’ta ann, Gniomh. 1. 24. & 4. 24, &c. [TD 422] Eph. 3. 24. 1 Thess. 3. 11. 2 Thess. 2. 16. Eabh. l3. 20. Ach gidheadh, ni bheil a h aon dhiubh a gnathachadh ceart bhriathraibh na h urnuigh so. 4. Ata an Tighearna Dia ag toirt seoladh dhuinn ann an urnuigh ann àitibh eile do ’n sgriobtur, le foirm co shonruighte is ata Criost aig deanamh ann a Mat. 6. Mar ’ta iad air an cur sios ann an Hos. 14. 2. Joel 2. 17. Gidheadh, ni bheil neach air bhith ag tagradh gu ’m bheil sinn air ar ceangal ris na ceart bhriathraibh, ge ’ta urrad riosoin air a dheanamh san dara h àite, is ata san àit’ eile. C. Nach ’eil urnuidh an Tighearna ro oirdheirc agus gnath cho’-stach dhuinne? F. Ata, agus bu choir dhuinn meas, agus speis mhor a bhi aguinn dhi, mar fhoirm a dhealbhadh le Dia, agus mar shuim fior iomlan air cinn airid na nithe a’s coir dhuinn iarruidh o Dhia, ni bu choir dhuinn a thoirt fai’ near gu curamach, thaobh briathraibh, agus modh, o ’n tigeadh dhuinn suim ar ’n urnuigh a thabhairt. C. O thug Criost an urnuigh so dhuinn am bheil barrantas aig daoinibh uaith so, foirm urnuigh a dhealbh air son dhaoin’ eile, chum an ceangal r’ an gnathachadh, agus bhi ag toirt orra an leaghadh ’n uair a ni iad urnuigh? F. Cha ’n ’eil air doidh air bith; oir ge ’ta foirm urnuigh feumail do chloinn òg, agus do ’n droing ata anmhunn, aig am bheil feum air an leithid sin do chuideachadh; gidheadh is ni gun bharrantas air bith, bhi ’g an foirne air an dream aig nach ’eil feum orra, agus bhi ag cur mar fhiacha air daoine an leaghadh mar chumhnant co’ chomuinn. C. C’ ar son ata ’n gnathachadh so mio-laghail? F. 1. Do bhri’ nach ’eil àithn’ no eisempleir aguinn o ’n sgriobtur air a shon: ata iartas aguinn bhi ag leaghadh focail De, agus bhi smuain- [TD 423] teach’ air, ach ni bheil iartas aguinn leabhar urnuigh a leaghadh. Am bithidh a leithid so do leabhar aig na naomh sa ’n sgriobtur, cha ’n fheumadh iad a radh, mar ’ta e ann, Rom. 8. 26. Ni h aithne dhuinn ciod a dh’ iarramaid ann urnuigh mar bu choir dhuinn, as eagmhuis congnadh an Spioraid; oir cha ’n fhead aobhar gearrain air an doidh so bhi aig an dream aig am bheil leabhraichean urnuigh. 2. Ata iomradh aguinn air iomad urnuigh a dhealbh na naoimh re linn nan sgriobtur, iomchuidh air an staid, agus am feum an roibh iad san am, gun leabhar, no foirm shuighicht’ air bith; oir is co-fhada a bha iad o shean o bhi ag leaghadh an urnuigh a’ leabhar, is gu bu ghnath leo an urnuidh a dheanamh le ’n suilibh druideadh, no bhi ag dearcadh suas air neamh, mar ’ta dearbhadh aguinn man timchioll. 3. Ata fònn anama, d’ fheuchainibh, agus staid nan criostui’-ean co mhuiteach, agus ag atharrachadh co tric, as nach fheadar foirm air bith a dhealbh a rigeas orra. 4. Bhacadh e daoinibh o bhi ag rannsughadh nan sgriobtuir, agus an cridheachan fein, am bithidh iad air an ceangal re leithid sin do fhoirm, do bhridh gu ’m b’ eigin dhoibh feum a dhenamh do iartais air an deusachadh fa ’n comhair co dhiu a bhitheagh, no nach bitheagh iad freagrach d’ an staid. 5. Ata an gnathachadh so ’n a eacoir air oifig an Spioraid naoimh, agus air a chrioch m’ an deachadh Criost suas air neamh. C. Nach ’eil bhi ag leaghadh foirm urnuigh na shean gnathachadh san eaglais? F. Ge ’ta e na shean ghnathadhadh, ata dearbhadh aguinn nach roibh dadum dheth ’g a ghnathachadh car cheither cheud bliadhna ann diaidh Chriost; ni mo a thainig e steach do ’n eaglais, gus an d’ fhag Spiorad a ghrais ann an tomhas mor i: agus an uair a dhoirtear amach air an [TD 424] eaglais airis e, bithidh an gnathachadh sin air a chuir air cul. C. Cionnas ata an gnathachadh so na eacoir air oifig an Spioraid, agus air dol suas Criost? F, Do bhri’ gur i oifig an Spioraid naoimh cuideachadh le anmhuinneachd a luchd muintir, ’n uair nach aithne dhoibh mar bu choir dhoibh, ciod a dh’ iarras iad; agus chuaidh Criost suas air ionad ard, chum an Spiorad a chur amach, a thoirt gibhte urnuigh do dhaoinibh, co mhaith re gibhte searmonachadh; ach ma ghnathaicheir urnuidh a leaghadh, cha bhi feum air na gibhte sin, do bhri’ gu fead neach a leaghas gu maith urnuidh a dheanamh co mhaith ris an neach as mo gibhte; agus le so ata uaigh air a tochalladh chum na gibhte as luachmhora a thug Dia do dhaoine adhlac innte; ni ata ag deanamh eacoir air Criost agus air a Spiorad sin, agus gu soilleir ann aghaidh na h earrail ata e ag toirt do mhinisteiridh, bhi ag ath-bheothachadh tiodhlac Dhe ata ann ta, 2 Tim. 1. 6. C. Cia lion pairt ata ann an urnuigh an Tighearna? F. Tri, eadhon, reamh-radh, sea iartais, agus co’ dhunadh. Ceist C. Creud ata reamh-radh urnuigh an Tighearna ag teagasg dhuinne? F. Ata reamh-radh urnuighe an Tighearna, (eadhon Ar ’n Athair ne ata air neamh) ag teagasg dhuinne, teachd am fogasg do Dhia, le gach uil’ urram naomha, agus muinghin, mar chloinn chum an Athar; ata comasach agus ullamh d’ ar cuideachadh: agus gu ’r coir guidhe a dheanamh maille re daoin’ eile, agus air an son. [TD 425] C. C’ ar son ata Criost ag teagasg dhuinne ar ’n urnuigh a thoiseachadh le reamh-radh sonruighte? F. A thoirt fios dhuinn nach fhead sinn teachd ann lathair Dhe gu h obain, gun smuainteachadh; ach gu ’r eigin dhuinn oirp a thabhairt air mothach urramach a bhi aguinn, air mordhachd an De ris am bheil ar gnothach. C. Creud e an reamh-radh ata ann an urnuigh an Tighearna? F. Ata e ann sna briathraibh sin, ar ’n Athair-ne ’ta air neamh. C. Ciod e am beachd ata Criost ag toirt dhuinn air cusboir ar ’n adhraidh ann san reamh-radh so? F. Ata e ag toirt beachd dhuinn air da ni, mu Dhia, 1. An dlu’ dhaimh ann sam bheil e d’ a luchd muintir ann sna briathraibh sin, ar ’n Athair’ ne, 2. Air a mhordhachd glormhoir, agus ionad a chomhnuidh, ann sna briathraibh sin, ATA AIR NEAMH. C. Cionnas ata am focal sin Athair r’ a thuig sin san àite so? F. Tuigear e air uaireadh gu pearsonta air son a cheud phearsa do ’n trionaid bheannuighte ris an coir urnuidh a dheanamh; mar ata e, Eph. 3. 3. Agus tuigear e air uaireadh, air doidh nadurra air son na diadhachd, mar ’ta e gabhail a steach tri pearsaidh na diadhachd a reir, 1 Chron. 29. 10. 1 Cor. 6. 18. Agus san sin t seagh so, ata sinne ’g a ghabhail ann an urnuigh an Tighearna. C. Creud an doidh ann san abrar ar ’n Athair’-ne re Dia? F. 1. A deirir ar ’n Athair re Dia, thaobh cruthaiche, a reir, Isa. 64. 8. Mal. 2. 10. 2. Thaobh ar ’n uchdmhacachd chum teaghlaich Dhe trid Josa Criost, Rom. 8. 14. 15. Gal. 4. 5, 6. C. Ciod ata Criost ag teagasg dhuinn le bhi ag radh ar ’n Athair re Dia ann an urnuigh? [TD 426] F. Ata e ag teagasg dhuinne le so teachd am fogus do Dhia, 1. Le urram naomh, agus eagal roimh an Dia a chruthaich sinn. 2. Le meas macail, & caoimhail do ’n Dia ata ’g ar beathachadh agus ’g ar freasdal. 3. Le muinghin iriosal, agus dochas gu ’m fuigh sinn na nithe ata eas-bhuidh oirn o Athair gradhach. 3. Gu toileach togarach mar chlann ata gabhail tlachd ann an co’-chaint an Athar dhaimheil. C. Nach gradh agus maitheas do labhairt ann Dia a cheuduchadh do chnuimhibh diblidh peacach mar sinne ar ’n Athair a radh ris sin? F. Is eadh; agus ghabh an t abstol Eoin mòr iongantas re so, 1 Eoin 3. 1. C. Am fead daoine neo’-iompoighte an Athair a radh re Dia? F. Cha ’n fhead air doidh shonruighte, no ann seagh an t soisgeil; agus uime sin, cha cheaduicheadh Criost do na pharrisich an Athair a radh ris Eoin 8. 42, 44. C. Co iad a dh’ fheadas an Athair a radh re Dia le deadh bharrantas? F. Feadaidh an dream ata ag faghail Spiorad na h uchdmhacachd ann nan cridheachan glaodhach amach Abba Athair, Rom. 8. 15. C. Creud e Spiorad na h uchdmhacachd? F. Is e Spiorad De e, ’ta cur nadurra, fònn, agus rùn cloinne ann an anamaibh a luchd muintir, ata ’g an nochdadh ann an gradh macail do Dhia, ann an eagal corruigh a chuir air sin, ann an earbs’ as, ann an umhlachd dh’ a, agus ann dian thogradh bhi cosmhail ris. C. Cionnas a ghlaodhas an droing sin, ABBA ATHAIR, nach ’eil ag mothachadh dearbhadh air Spiorad na h uchd mhacachd ann ’ta fein? F. Ma ghabh iad re Criost le beo chreideamh, feadaidh iad an Athair a radh re Dia; oir is ann tre creidimh ann san amhain, ata peacaich air [TD 427] an deanamh ’n an cloinn do Dhia, Eoin 1. 12. Gal. 3. 26. C. Ciod a ni an dream sin ata san teagamh am bheil fior chreideamh aca? F. Ma ’ta iad sgith d’ am peacaidh, agus gu durachdach ag iarruidh sith reite re Dia trid Josa Criost, feadaidh iad cosmhuil ris a mhac struidheil dol a dh’ ionnsuidh Dhia, agus a radh ris, “ATHAIR pheacaich me,” &c. Luc. 15. 18. C. Creud an doidh air am bheil Dia cosmhail re Athair talmhaidh d’ a luchd muintir? F. Do bhri’ gu ’m bheil se a’ gabhail truais dhiubh, ag freasdal gach ni feumail dhoibh, ’g an sgeuduchadh, a’ gabhail speis d’ an coluadar, ullamh a thoirt eisteachd d’ an glaodh, ag toirt deagh theagasg, agus deagh eisempleir dhoibh, ’g an cronachadh le tim-chridhe, ag deasuchadh cuibh-rionn, agus oighreachd fa ’n comhair, Sean. 3. 13. 1 Phead. 2. 2. Isa. 61. 10. Sean. 15. 8. Sal. 34. 15. Mat. 5. 48. Jer. 30. 11. Sal. 31. 19. Luc. 12. 32. 1 Phead. 1. 4. C. Creud iad na nithe ann sam bheil Dia ag toirt barr air aithreacha talmhaidh? F. Do bhri’ gur Athair Dia ata neo’-chriochnach ann saidhbhreas, ann gliocas, ann gradh, neo’-bhasmhor, agus bioth-bhuan, bheir e d’ a chloinn gach aon ni ta maith dhoibh san am iomchuidh, cha toir e ni air bith dhoibh a bhios dochunnach dhoibh; ata e ag deanamh oighreachan do gach aon d’ a chloinn, seadh, oighreachan air rioghachd, eidear shean & òg. C. C’ ar son a deirir ann san reamh-radh gu bheil Dia air neamh, am bheil e ann áit’ air bith eile? F. Cha ’n e seagh nam briathrabh sin, gu bheil lathaireachd Dhe air neamh amhain; oir cha ’n fhead neamh nan neamh a choimhid, oir ata e [TD 428] ag lionamh neamh agus na talmhain, agus ata e uilea-lathaireach, 1 Righ. 8. 17. Jer. 23. 24. Ach deirir gu ’m bhell e air neamh, do bhri’ gu ’m bheil a chaithir rioghail ann sin, far am bheil e ’g a fhoillseachadh fein air an doidh as ro ghlormhora, Sal. 11. 4. agus 103. 19. Ifa. 66. 1. C. Ciod ata Criost ag teagasg dhuinn, le bhi teachd am fogus do Dhia mar ar ’n Athair ata air neamh? F. Ata so ag teagasg dhuinn, 1. Ge ’ta e air a cheuduchadh dhuinn teachd am fogus do Dhia le danadas, gidheadh gu bu choir dhuinn fios a bhi aguinn air an eidir-dhealuch ata eidear eisean agus sinne, agus smuainteadh ard, agus urramach altrom m’ a mhordhachd neamhaidh, agus m’ a ghloir sin. 2. Gu bheil Dia ag amharc air gach aon ni, agus gu bheil e comasach agus ullamh d’ar cuideachadh ann sgach cas. 3. Gu bu choir dhuinn ar ’n inntin a bhi ar neamh, agus ois cionn an t saoghail ann sgach dleasdanas; gu bu choir d’ ar suilibh a bhi air neamh, mar ar duthaich agus ar da thigh, agus gu sonruighte air Josa Criost ar fear eidear-ghuidhe san ionad sin, chum eisteachd thaitneach fhaghail ann sgach dleasdanas. C. Ciod ’ta am focal sin AR an san reamh-radh ag teagasg dhuinne? F. Gu bu choir dhuinn, cha ’n e amhain urnuigh a dheanamh air ar son fein ann uaignidheas, ach mar an ceadna maille re daoin’ eile agus air an son: agus gu sonruighte gu bheil urnuidh teaghlaich na dleasdanas fiachaicht, air na h uile aig am bheil teaghlaichean, Jer. 10. 25. Ceist CI. Creud ata sinn a’ guidhe san chead iartas? F. Ann san chead iartas, (eadhon, Gu naomhaichear t ainmse) ata sinn a’ guidhe, [TD 429] gu ma toil le Dia sinne, agus daoin’ eile a dheanamh comasach air e fein a ghloruchadh, ann s gach aon ni leis am bheil se ’g a fhoillseachadh fein dhuinn, agus gu ma toil leis gach ni a shuidheacha, agus orduchadh chum a ghloire fein. C. Ciod a sin iartas? F. Ath-chuinge, no ni eigin iarruidh. C. Cia lion iartas ata ann an urnuighe an Tighearna? F. Sea. C. Cionnas ata na sea iartais sin air an roinn? F. Ata a chead tri gu h airid mu thimchioll gloir Dhe, agus an tri eile mu nithe a bhuineas d’ ar maith, agus d’ ar tairbh fein. C. Creud e a cheud iartas dhiubh sin? F. Is e an ceud iartas gu naomhaichear t ainm. C. C’ ar son ata an t iartas so air a chur air thoiseach? F. A theagasg dhuinn, gur coir dhuinn ainm Dhe a naomhachadh o’s gach aon ni eile. Is e so a cheud iartas, agus an t iartas a’s mo, agus bithidh e air marthain ’n uair a theid na h iartais eile seachad; oir bithidh na naoimh air neamh ag naomhachadh ainm Dhe gu siorruidh. C. Ciod ata r’ a thuigsin le ainm Dhe ann so? F. Dia e fein, an ti naomh, ata air ainmeachadh; agus gu sonruighte, gach ni leis am bheil e ’g a fhoillseachadh fein, mar ’ta a thiodolaibh, a bhuaidhean, fhocal, &c. C. Creud e sin, ainm Dhe a naomhachadh? F. Is e sin, bhi ag naomhachadh, a’ toirt onoir, agus gloir do Dhia amhain, agus so a dheanamh ann sgach aon ni leis am bheil e ’g a fhoillseacha fein, Isa. 8. 13. & 29. 23. 1 Phead. 3. 15. C. C’ ar son is e am focal NAOMHACH- [TD 430] ADH, agus nach e am focal GLORUCHADH ata air a ghnathacha dh? F. Do bhri’ gu ’m bheil an dearladh is soillearadh do ghloir De ann a naomhachd, agus ata a a naomhachd ag cur mor mhais’ air uile bhuaidheabh na Diadhachd, Isa. 6. 3. agus 12. 6. Ecsod. 15. 11. C. Nach ’eil eider-dhealuch’ mor eidéar an doidh air am bheil Dia ’g ar naomhach’ ne, agus an an doidh air am bheil sinne ag naomhachachadh Dhe? F. Ata; oir ’ta Dia ’g ar naomhach’ ne, le bhi ag cur naomhachd ionnaine, ni nach roibh againn roimh laimh; ach an uair ata sinne a naomhachadh Dhe, ata sinn amhain ag taisbean, agus ag aidmheil na naomhachd iomlan ata aig’ o bhioth-bhuantachd gu bioth-bhuantachd. C. C’ ar son ata ’n t iartas air a chur sios ann san treas pearsadh NAOMHAICHER t ainmse, no BITHEAGH e air a naomhachadh? F. A ghabhail a steach gach ni, agus neach ata comasach air a so dheanamh, mar gun abramaid, 1. Dean sinne ’ta re urnuigh comasach air t ainmse a naomhacha’. 2. Bitheagh ar co’-chreatuire uile ag saothrachadh ann a’ t ainm ’s e a naomhachadh, agus dean iomchuidh air a shon iad. 3. Do bhri’ gu bheil gach creatuir neo’-chomasach air t ainm a naomhachadh, naoimhaich fein e o Thighearna, ata comasach amhain air so a dheanamh. C. Nach ’eil an t iartas so ag teagasg dhuinn aid’ icheadh gu bheil sinn neo’ chomasach dh’ inn ein ann ni air bith a dheanamh chum gloir Dhe? F Ata; agus uime sin, b’ aill le Criost gun iarramaid gràs o Dhia d’ ar neartucha’ chum so a dheanamh, agus gun cuireadh e sinne an san staid as iomchuidheadh air ainm fein a ghloruchadh. [TD 431] C. Cionnas a dh’ fheadas sinne tre grais ainm Dhe a naomhachadh agus a ghloruchadh? F. Le bhi ag cliuachadh a bhuaidhibh glòrmhor, le bhi ag aidmheil ar ’n earbsa as, agus ar muinghin, agus ar creideamh ann, le bhi ag toirt ard urram d’ a ainm, d’ a fhocal, agus d’ a riaghailtibh; ag toirt buidheachais dh’ a, agus a’ gairm air sin; le bhi ag aidmheil ar peacaidh ’ne, agus ’g an treigsin; le bhi ag arduchadh Dhia ann a oibribh; ’g a fhireanacha’ ann a bhreitheanais; le bhi tarbhach ann deagh oibribh; le bhi ag toirt gloir gach ni do ni sinn do Dhia; le bhi ag seasamh suas air son onoir sin, ag tagairt le cuis na firinn agus na naomhachd; agus a’ fulang air an son; ag toirt fiadhnais ann aghaidh gach mearachd, peacadh, agus gach ni ata toirt eas-onoir do Dhia; agus le bhi ag cliuachadh a shlighibh, agus a sheirbheas sin do dhaoin’ ’eile, mar aon le’r billibh agus le ’r caithe beatha. C. Nach ’eil Criost mar an ceadna ag teagasg dhuinn leis an iartas so, gu bu choir dhuinn ar ’n uile dhicheall a ghnathachadh chum ’gu ’m bithidh daoin’ eile ’ga naomhachadh, agus gu bithidh so mar aobhar gairdeachas againn? F. Ata. C. Ciod iad na nithe as coir dhuinn iarraidh air Dia, chum ’s gu ’m bithidh daoin’ eile feadh an t saoghail mar an ceadna ag toirt gloir d’ a ainm sin? F. Gu ’m bitheagh na cinnich, agus iadsan do nach aithne Dia, air an iompochadh ris fein; chum ’s gu ’n d’ thugadh iad gloir d’ a ainm sin amhail is mar ’ta sinne ag oirpeachadh a dheanamh; agus gun d’ thigeadh iad, agus gun taisbeanadh iad a cheartas do ghineil a bhitheas air am breith, Sal. 67. 2, 3. agus 22. 27, 31. C. Nach bu choir dhuinn ar ’n uile dhichioll a chur r’ ar ’n urnuigh chum impidh a chuir air daoin’ eile a thoirt gloir do Dhia? [TD 432] F. B’ eadh, a reir ar ’n inmhe ann san t saoghal. C. Creud an riaghail a thug Criost do gach aon neach do reir an inmhe chum na criche so? F. Ata i aguinn, Math. 5. 16. “Gu ma h ann mar sin a dhealruicheas bhur solus ann lathair dhaoine, chum as gu faic iad bhur deadh oibridh, agus gu toir iad gloir do bhur ’n Athair ata air neamh.” C. Do bhri’ gu bheil sinn teachd co fhada an diaidh laimh ann ar dleasdanas air an doidh so, nach bu choir dhuinn bhi a’ guidhe air Dia gu gabhadh e a ghloir d’ a ainm fein? F. B’ eadh, agus ata eisempleir Chriost ’gar teagasg ann so, Eoin 12. 28. “Athair gloraich t ainm,” agus ata gealladh Dhe aguinn gun dean eisean so, Esec. 38. 23. & 36. 23. C. Cionnas ata Dia a’ gabhail gloir d’ a ionnsuidh fein? F. Le bhi ag dortadh ’mach a Spiorad air an eaglais, agus ag riaghluchadh gach aon ni air thalamh chum a ghloir fein? C. Cionnas ata Dia ag riaghluchadh gnothaiche an t saoghail chum a gloir fein? F. Le bhi ag ard riaghluchadh gach aon ni a tharlas ann, chum nan criochaibh as fearr a fhreagras a mheaduchadh, agus a chuir gloir ainm fein air aghaidh: ’n uair a bhios e cuir grabadh air a naimhde, no’ g an smachducha’, agus ag coimhid ainme fein o thoi-bheum nan aingidh; le bhi ag teasairin eaglais fein o fhoirneart, ag cur gach ni ata doilghiosach dhi air cul, agus a suidheachadh adhraidh, agus riaghalta fior-ghlan, ag fosgladh doruis gu aith-leasachadh, agus ag toirt breitheamhna agus luchd comhairleach dh’ i mar bha iad ann toiseach, Esec. 28. 24, 25, 26. agus 36. 23, 24, 37, 38. agus 20. 40, 41. Isa. 1. 26. Sal. 76. 9, 10. C. Nach ’eil Criost leis an iartas so, ag teagasg [TD 433] dhuinne bhi re guidhe ann aghaidh gach ni leis am bheil eas-onoir ’g a thoirt do ainm Dhe? F. Ata. C. Creud iad na h uilc sin leis am bheil ainm Dhe air a mhaslachadh? F. Is iomad sin, mar ’ta Dia sheanadh, iodhol-adhraidh, neo’-chreideamh, dimeas air Dia, agus air aoradh sin, mionnachadh, briseadh Sàbaid neo’-ghlanas, &c. C. Ma bhios neach air bith do ’n droing mhi-naomha sin, ag luadh urnuidh ’n Tighearna, nach ’eil an gnathachadh ag toirt na breige d’ an urnuigh? F. Ata. C. Nach ’eil e na aobhar do broin do dhaoine diadhaidh bhi ag faicsin, no ag cluintinn ainm Dhe ’g a mhasluchadh? F. Ata, Sal. 42. 10. C. Nach doirt Dia tarcuis air an dream ata toirt eas onoir d’ a ainm sin? F. Dortuidh, bithidh droch bholtrach d’ an ainm agus d’ an cuimhneachan air thalamh, agus eirigh iad gu naire, agus tarcuis shiorruidh na dhiaidh so, Sean. 10. 7. Dan. 12. 5. C. Creud a nithear ris an droing a bhios ag toirt onoir agus gloir do ainm an Tighearna? F. Cha chail iad dadum air a sin, oir a deir e 1 Sam. 2. 3. “An droing a bheir onoir dhamhsa, onoruighe mise iad.” C. Cionnas ata Dia a cur onoir orra san a bheir onoir dh’ a? F. Cuiridh e onoir air am pearsaidh, air an ainmibh, air an anamaibh, agus air an corpaibh; cuiridh e onoir orra ann am bàis, le ainglibh a chuir ’g an iarruidh, agus ann diaidh bàis, la truscain neo’-bhàsmhorachd agus coruin fireantachd a chur orra san. [TD 434] Ceist: CII. Creud ata sinn ag guidhe san dara iartas? F. San dara iartas, eadhon (Gu ’n tigeadh do rioghachd-sa), ata sinne ag guidhe Dhe, rioghachd an aibhearsoir a sgrios, agus rioghachd nan gras a mheaducha; sinne agus daoin’ eile a tharruing d’ a h ionnsuidh, agus a choimhid innte, agus rioghachd na gloire do luathachadh. C. C’ ar son ata an t iartas so ag leanntain air an iartas roimhe so? F. Do bhri’ nach fead sinn ainm Dhe a naomhachadh, no ghloruchadh gu ceart, gus an d’ thig a rioghachd-san ’n ar ’n anama’ ne. C. Ciod ata air a chialluchadh le rioghachd Dhe ann so? F. Ata tri nithe; 1. Deirir rioghachd Dhe re searmonachadh an fhocail, Mat. 13. 47. 2. Deirir rioghachd Dhe re obair gràis shlainteil ann cridheacha’ dhaoine, Luc. 17. 21. 3. Deirir rioghachd Dhe mar an ceadna re staid na gloire air neamh, 1 Cor. 15. 50. Agus deirir rioghachd nan gràis ris a’ chead dias dhiubh ann san fhreagradh, agus rioghachd na gloire ris an treas aon dhiubh. C. C’ ar son a deirir rioghachd nan grás riu sin? F. Do bhri’ gur h ann le frithealamh an t soisgeil ata obair gràis ag toiseachadh, agus air a toirt air a h aghaidh ann an anamanna na daoine taghta. C. Co is righ air an rioghachd so? F. Dia fein; ach ata e ’g a riaghluchadh le Josa Criost fear ionad sin, an neach a dh’ orduigh e a rioghach innte, agus uime sin, deirir Righ Shion ris, Sal 2. 6. C. C’ ar son a deirir rioghachd re obair ghrásan Chriost air anamaibh a luchd muintir? [TD 435] F. Do bhri’ gu ’m bheil gràs ann ’s gach anam ann san gabh se freamh. ag ceannsuchadh ain-miannaibh ceannairceach, ag riaghluchadh na toile, agus nan ciat fadha, agus ag cur an duine gu h iomlan fuidh cheannsal Chriost, agus a shlait rioghail cho’ thromaich sin, 2 Cor. 10. 5. C. Co dhiu’ is i rioghachd nan gràs no na gloir ata sin a’ guidhe a theachd ann san dara h iartas? F. Ata sinn a’ guidhe air son an teachd mar aon, do bhri’ nach ’eil ann an rioghachd na gloire ach rioghachd nan gràs air a toirt gu foirfeachd, agus gu ’m bheil gloir Dhe ag dealradh ni as soilleire innte. C. Ciod as seagh do theachd no meadacha’ rioghachd nan grás mar ’ta e air a theagasg dhuinn iarruidh ann so? F. Ata e ag ciallughadh craobh sgaoileadh, agus soirbheachadh an t soisgeil feadh an t saoghail, agus gach ni a bhacas so a thoirt air falbh. Ata sinn ag guidhe mar an ceadna, an so, gu ’m bithidh luchd teagaisg treibhdhireach ann eaglais Chriost gu h uile, agus teagasg, riaghalta, agus smachducha fiorghlan, le moran do laithearachd agus do chumhachd spioraid De ’n an co’-chuideachd; gu ’m bithidh rioghachd Dhe air a cur suas ann ar ’n anamaibh fein, agus ann anamaibh dhaoin’ eile, agus gu ’m bithidh obair nan gràs air a toirt air a h aghaidh ann ’ta gu foirfeachd. C. Creud iad na nithe sin, ata ag bacadh teachd agus meaduchadh na rioghachd so, is coir dhuinn a ghuidhe air Dia a thoirt as an t slighe? F. Is coir dhuinne urnuigh a dheanamh ann aghaidh rioghachd an aibhearsoir gu coitcheann, ni ’ta gabhail a steach ann, uachdranachd agus ain-tighearnas a pheacaidh; ann aghaidh an ana-criost, agus naimhde na h eaglais gu h uile, ann aghaidh craobh-sgaoileadh creideamh breugadh: mearachd iodhol-adhraidh, saoibheallachd scaineillibh, coi’ stribh, luchd teagaisg mi-dhileas, agus [TD 436] truailleadh ann san eaglais. C. Cionnas ata e soilleir gu bheil rioghachd aig an aibhearsoir san t saoghal? F. Do bhri’ gu deirir Dia agus prionnsadh an t saoghail ris, agus ’s iad na h aingidh a chlann, agus a chuid iochdran, agus ata e ag riaghluchadh an ta agus o’s an ceann, 2 Cor. 4. 4. Eoin 14. 30 agus 8. 44. Eph. 2. 2. 2 Tim. 2. 26. C. Nach ’eil rioghachd an aibhearsoir ro fhairsing? F. Ata; moran ni as fairsingeadh na rioghachd Chriost. C. Cionnas ata e ag tarladh gu bheil rioghachd an aibhearsoir co fhairsing? F. Do bhri’ gu ’n d’ rinn ar ceud sinnsir ceannairc ann aghaidh an ard uachdarain dhligheach. C. C’ar son ata Dia ag ceaduchadh do ’n aibhearsoir riaghlughadh air an t saoghal air an doidh so? F. Ata Dia ’g a cheaduchadh so mar ghniomh ceart dioghailteas ann aghaidh an duine, air son a cheannairc ann aghaidh ughdarrais agus reachd ro bhlasta an Tighearna san, agus an cruthai’ fhear, agus mar an ceadna, chum gloir ainme fein, le bhi ag teasairgin nan daoine taghta o uachdranachd an aibhearsoir. C. Am bheil choir air bith aig ann aibhearsoir’ air na h aingidh a riaghlughadh? F. Cha ’n ’eil; oir is an-Tighearn’ e, ge ta iad san ag fàs ’n an trailleadh toilleach dh’ a. C. Nach bu coir dhuinn bhi ag guidhe gu bithidh rioghachd an aibhearsoir air a sgrios? F. Bu choir; oir am feadh a sheasas i, ata i ag conbhail rioghachd Chriost o bhi fàs; agus ata na h anamaibh luach-mhor, air am bheil e ag riaghluchadh fuidh riaghailt ro ain-iochd-mhor. C. Ciod as seagh do ’n fhocal fin aibhearsoir? F. Is e namhaid as seagh dh’ a, agus ’s maith a [TD 437] dh’ fheadar so a radh ris, oir is namhaid e, ata mar leomhan beuchdach, ag im’ eachd mu ’n cuairt ag iarruidh anamaibh prieseil a shlugadh suas, 1 Phead. 5. 8. C. Creud as seagh do bhi re guidhe gu ’m bithidh rioghachd an aibhearsoir air a sgrios? F. Ata sinne a’ cialluchadh le so, gu ’m bruthadh Criost ceann na sean nathrach, gun teasairgidh e anamaibh truagh o’ n ain-tighearna sin, gu ’m bithidh Judhaich, Turcaigh, na Cinnich, agus daoin’ aingidh air an tarruing chum eòlais agus umhlachd Chriost. C. Cionnas a dh’ aithnigheas sinne, am bheil sinn air ar teasairgin o rioghachd an aibhearsoir, agus air ar tabhairt chum rioghachd Chriost? F. Feadaidh sinn aithnich le so, ma ’ta sinn a’ toirt eisteachd do ghairm an t soisgeil, ma ta sinn ag gabhail re Criost ’na uil’ oifigibh, ma ’ta sinn ag toirt suas ar crideachan chum bhi nan righ-chaithir dh’ a, ma ta sinn ag toirt speis d’ a reachd, agus ma ’ta sinn re cogadh ann aghaidh a naimhdean sin. C. An coir do ’n droing sin ann sam bheil rioghachd nan gràs air tionsgnadh cheanna ann nan anamaibh bhi re guidhe, gu ’n tigeadh do rioghachd? F. Is coir: do bhri’ gu ’m bheil gràs ann an staid lag ionnta, ’s eigin dhoibh bhi a’ guidhe, gu ’n tigeadh i le tuille cumhachd d’ an anamaibh, gu ’m bithidh am peacadh ni as mo air anmhunnacha, agus gràs air a mheadachadh agus air a neartuchadh; agus gu buanaicheadh iad ann staid nan gràs gu n uig a chrich. C. Nan tigeadh rioghachd nan grás air doidh shonruighte, nach d’ thugadh i nithe beannuighte gu crich ann san t saoghal? F. Bheireadh , oir le sin bhithidh mòr mheas do Dhiadhachd, gheabhadh firinn buaidh air mearachd, dhruideadh aingidheachd a beul, bhithidh Jerusalem na h aobhar molaidh, a ballaibh air [TD 438] an togbhail suas, gach aobhar gearain air a leasachadh, gach briseadh air a shlanuchadh; ann sin bhitheagh a sagairtibh air an sgeuduchadh le fireantachd, agus a naoimh re ur-ghairdeachas, ann sin bhitheagh peacaich ag teicheadh le cheile mar neul agus mar cholman chum an fhuineoig, ann sin luidheadh an leomhan sios maille ris an uan; bhitheagh an lag cosmhail re Daibhi, agus Daibhi mar aingeal De. C. Creud ata sinn ag guidhe san iartas so thaobh rioghachd na gloire? F. Gu ’m bithidh i air a luadhachadh. C. Ciod ata air a chialluchadh le rioghachd na gloire? F. Staid ghlormhor agus ard-aoibhneach na h eaglais air neamh, ’n uair a bhitheas i saor do gach olc, agus ag mealtain gach aon ni maith, agus ag riaghacha maille re Criost gu siorruidh. C. C’ ar son a deirir rioghachd Dhe re sonas nan neamhaidh? F. Do bhri’ gu bheil Dia ag rioghacha gu glormhor ois-cionn a luchd muintir ann sin, oir ni bheil smuainteadh no ain-miann ceannairceach r’ an faghail ’n am measg san. Agus bithidh iadsan air an deanamh nan rioghraidh, agus suidhidh iad maille re Criost air a righ-chaithir agus rioghaichidh iad gu saoghal nan saoghal, Tais. 3. 21. agus 22. 5. C. Cia iad an dream aig am bheil coir air rioghachd so na gloire. F. Iadsan ata gabhail re Criost mar an righ san ann so, ata ag oirpeachadh an ain-miannaibh a cheusadh, ata ag caitheamh am beatha mar choigrich air thalamh, ata ag conbhail suas co’-chomunn san rioghachd sin, agus ag saothaireacha chum bhi iomchuidh air a son. C. Nach ’eil am suidhighte air son teachd na rioghachd so? Cionnas ma ’ta as coir ’dhuinne bhi a’ guidhe’ gu ’m bithidh i air a luadhachadh? [TD 439] F. Ge ’ta an t am suidhighte, gidheadh ata Dia ag cur mar fhiacha oirne, bhi ag nochdadh miann ciocrach, agus dian thogradh chum ’s gun d’ thigidh i, do reir gealladh Chriost, Laoidh. 8 14. Rev. 22. 20. C. Cionnas ata na naoimh ag taisbean an dian thogradh so ann diaidh rioghachd na gloire? F. Le suil a bhi aca ria; agus deithfir a dheanamh chum teachd la Dhe, 2 Phead. 3. 12. C. C’ ar son ata an dian thogradh so ann sna naoimh? F. Do bhri’ gu bheil an nadurra nuadh ’g an tarruing chum togradh anama a bhi aca ann diaidh saorsadh iomlan o ’n pheacadh, agus lan cho’-chomunn re Dia. Ceist CIII. Creud ata sinn ag guidhe san treas iartas? F. San treas iartas, (eadhon, Deanthar do thoilse air thalamh, mar nithear air neamh), ata maid a’ guidhe Dhe, sinne a dheanamh comasach, agus deonach le a ghrás, chum eòlas a ghabhail air a thoil fein, a bhi freagrach, agus umhal dhith ann ’s gach aon ni, amhuil mar ata na h aingeal air neamh. C. C’ ar son ata an t iartas so ag leanntainn air an iartas roimh so? F. A theagasg dhuinne, gur ann le toil De a dheanamh, as fearr a dh’ fheadar teachd a rioghachd san a chuir air a h aghaidh. C. Ciod ata r’ thuigsin le toil De ann so? F. Ata toil àitheantaibh, agus a fhreasdail mar aon, Mat. 7. 21. 1 Phead 3. 17. C. Creud ata sinn a’ guidhe, ’n uair ata sinn [TD 440] ag iarruidh gu ’m bithidh toil àitheanta De air a dheanamh? F. Ata sinn ag guidhe, gu ’m bitheamaid fein, & daoin’ eile air ar soillsichcadh le focal agus Spiorad De, chum eòlas a ghabhail air a thoil ata air a foillseachadh dhuinne, agus air ar deanamh deònach, agus comasach le a ghràs a thoirt umhlachd dhi. C. Nach tuigear uaithe so, gum bheil sinn thaobh nadurra dall, agus ain-eolach air toil De? F. Tuigear; agus ata focal De ’g a innseadh dhuinne, Eph. 4. 18. & 5. 8. C. Nach ’eil sinn mar an ceadna thaobh nadurrra neo’-thoileach air eòlas a ghabhail air toil De? F. Ata, Job. 21. 14. A deir ’s iad re Dia, im’-ich uaith’ ne, oir cha ’n ’eil sinn ag iarruidh eòlas air do shlighe, Rom. 8. 7. C. Ciod as eigin dhuinn a dheanamh, chum eòlas fhaghail air toil De? F. Is eigin dhuinn bhi ag rannsuchadh nan sgriobtur, far am bheil i air a foillseachadh dhuinn, agus bhi ag guidhe gun teagaisgeadh Spiorad De gu h eifeachdach sinn, ata comasach amhain air ar doille agus ar naimhdheas a thoirt air falbh, agus air eòlas slainteil air toil De a thabhairt dhuinne, Eoin 5. 39. Sal. 119. 18, 33. 36. C. Am leoir do dhuine eòlas cinn a bhi aige air toil De? F. Cha ’n eadh; is eigin dhuinn mar an ceadna bhi air ar deanamh deònach agus comasach air umhlachd a thabhairt dhith; uime sin deir ar Tighearna, ma ’s aithne dhuibh na nithe so, ’s beannuighte sibh ma ni sibh iad, Eoin 13. 17. C. Nach ’eil eòlas as eagmhuis deadh ghniomhartha ag fagail staid duine ni ’s measa? F. Ata; oir ni e a dhoruin ni ’s do fhulang do reir, Luc. 12. 47. C. Nach ’eil sinn a thaobh nadur’ so aomadh gu [TD 441] ceannairc ann aghaidh toil De, agus a dheanamh toil an diobhail agus na feola? F. Ata; Rom. 8. 7. 1 Phead. 4. 3. Eph. 2. 3. Eoin 8. 44. C. Co iad an droing aig am bheil deagh thogradh chum toil De a dheanamh? F. Iadsan aig am bheil lagh an Tighearna air a sgriobhadh air an cridheachan, ni a gheall Dia a dheanamh, do na h uile ata e ag ath-nuadhachadh le a Spiorad, Jer. 31. 33. C. Ciod e sin lagh an Tighearna a sgriobhadh air cridheacha dhaoinibh? F. Is e sin, sar eòlas a thoirt dhoibh air; gradh o ’n cridhe a bhi aca dh’ a, agus cosamhlachd ris o ’n leath stigh, maille re fònn agus rùn eallamh a thoirt umhlachd dh’ a. C. Nach e Spiorad De as eigin an toil agus an gniomh mar aon oibreachadh, ionnaine ata e ag iarruidh ann a lagh? F. Is e, Phil. 2. 13. Esec. 36. 27. C. Ciod ata sinn a’ guidhe san iartas so, ’n uair ata sinn ag iarruidh gu ’m bithidh toil freasdail De air a deanamh? F. Gu ’n d’ thugadh Dia dhuinn fein, agus do dhaoin’ eile, gràs a thoirt geill d’ a fhreasdal ann sgach triobloid as toil leis a chuir oirne, Gniomh. 21. 14. C. Ciod i a’ gheill, agus an umhlachd naomh sin do thoil De, is coir do gach fior chriostuidh a bhi aige ’n uair a tharlas dha bhi ann triobloid? F. Fònn gràsail anama, ata cur impidh air a chriostaidh chum freasdal glic an Tighearna a thoirt fanear, ann sgach aon ni ata ag tachairt dh’ a, agus gu bhi toilighte bhi fuidh riaghail De gu h iomlan, gun ghearan air bhith air a fhreasdal sin, 1 Sam. 3. 18. 2 Sam. 15. 26. C. C’ ar son nach fhead sinn bhi re monmhor no gearan fa thriobluid? [TD 442] F. Do bhri’ gu bheil Dia co’-thromach na uile shlighe, agus ’g ar smachduchadh ni ’s lugha na ’ta ar peacaidh ne aig toiltin; agus ma bheir e co’-fhurtachd air bith uaith ne, cha ’n ’eil e ag toirt ni air bhith leis ach a chuid fein, Sal. 145. 17. Esra 9. 13. 1 Chron. 29. 14. C. Ciod e an t am as mo cunntart a chriostuidh air monmhor a dheanamh? F ’N uair a tharlas bochduin, masladh, no call caomh chairde ’na chrann-char, no, ’n uair bhios cràdh corporra air. C. Ciod a dh’ fheadas fois a thoirt dhuinn am san staid sin? F. Bhi ag beachdachadh gu suidhighte, gun do chosain sinn na nithe so uile, dhuinn fein, gur e an Dia ata ro naomha ’ta ag buintin ruinn agus gu ’m bheil se ag faicsin gu bheil na nithe sin feumail dhuinn. C. Creud ata na briathraibh sin san iartas so (AIR THALAMH) ag teagasg dhuinne? F. Gu ’m bu choir d’ ar soin do ghloir Dhe, agus do leas anamaibh dhaoine righeachd air luchd àiteachaidh na talmhain gu h iomlan; chum ’s gu ’m bithidh iad uil’ air an tarruing a thoirt umhlachd do thoil ar ’n Athar neamhaidh. C. Ciod ata na briathraibh sin, (MAR ATA I AIR NEAMH) ag teagasg dhuinn? F. Ata na briathraibh sin ag nochdadh ciod i a ghne umhlachd bu choir dhuinn bhi a’ guidhe, agus ag oirpeachadh, chum s gu ’m bithidh i cosmhuil re umhlachd nan ainglibh, agus nan naoimh ann gloir air neamh. C. C’ àit’ am bheil sinn ag leaghadh gu bheil na h ainglibh ag deanamh toil De? F. Ann an, Sal. 103. 21. “O ainglibh ’ta ag toirt buaidh ann neart, ata ag toirt umhlachd d’ a àitheanta, agus ag eisteachd r’ a fhocal.” C. C’ áit’ am bheil sinn ag leaghadh air na naoimh ann gloir a’ deanamh toil De? [TD 443] F. Ann an, Tais. 22. 3. “Ann sin ni a shearbhanta seirbhis d’ a.” C. Ciod ata r’ a tharruing o na sgriobtuir sin? F. Nach aobhar eas-onoir, no naire air doibh air bith, seirbhis a thoirt do Dhia, air thalamh, do bhri’ gu bheil ainglibh, agus naoimh mar aon ag toirt seirbhis dh’ a air neamh. C. Nach ’eil eidir-dhealuch mor idear an umhlachd san, agus ar ’n umhlachd’ ne? F. Ata; oir ata iad sin ag deanamh toil De air doidh iomlan, ach sinne gu neo’-iomlan. C. Cionnas ma ’ta a leanas sinne eisempleir luchd áiteachuidh na neamhaidh? F. Ann bhi ag deanamh toil De do reir ar staid agus ar comais ne, mar ata iadsan do reir an staid agus an comais fein. C. Cionnas ata ainglibh agus naoimh a’ deanamh toil De air neamh? F. Ata iad ’g a deanamh air ball, gu neo’-mheangail, gu h iriosal, gu suilbhear, gu h iomlan, gu dicheallach, durachdach, gna’ bhuanach, agus gun sgios; agus bu choir dhuinne trid gràis bhi ag oirpeachadh an leantainn ann sna nithe sin, gu h iriosal ag caoidh gun d’ thainig sinn co fhada ann diaidh laimh, & gu dian ag iarruidh tuille neart o Dhia ann ainm Chriost. C. Nach fead na h anamaibh treibh-dhireach sin uile, dochas daingean altrom gu bheil an t am gu luath ag teachd, ann san toir iad umhlachd do Dhia cosmhail ris na h aingeal? F. Feadaidh, do reir, Luc. 20. 36. C. Nach ’eil a chuid mhor do luchd áiteachaidh na talmhain, dio-chuimhneach air na h eisempleiribh oirdheirc sin a leantainn? F. Ata; gu sonruighte an droing ata ag deanamh riaghail an giulain do nòs an t saoghail, agus iad san ata cur dail ann toil De a dheanamh, mar an ceadna, an dream nach ’eil ’g a deanamh ach [TD 444] air uaireadh, agus na h uile ata ’g a deanamh gu mi-sheaghail. C. Nach e bhi ag seinn laoidhibh molaidh do Dhia cuid mhor do sheirbhis nan aingeal & nan naomh air neamh? F. Is e. C. Creud na nithe ma ’m bheil iad a toirt molaidh do Dhia? F. Ata iad ag toirt molaidh dh’ a air son oibridh a chruthaich, agus a fhreasdail, ach gu sonruighte air son obair na saorsa trid Josa Criost, agus uaith’ so a deirir gu bheil iad a canntuinn òrain Mhaois, agus òrain an Uain, Tais. 15. 3. C. C’ ar son ata an laoidhibh air neamh ag faghail an ainm so? F. A deirir laoidh, no òran Mhaois riu, do bhri’ gur b’ e Maois a thug cunntas dhuinn air oibribh iongantach a chruthaiche, agus mar an ceadna, air oibridh iongantach freasdail De ann an teasairgin na h eaglais, agus ann smachduchadh a naimhde, leis an tuil; ann san Eipht; agus aig an mhuir ruadh, far an do sheinn Maois le buaidh-ghàir, mar ata aithris aguinn, Ecsod. 15. Airis ’s maith a dh’ fheadar laoidh an Uain a radh ris an òran so, do bhri’ gur h e Criost Uan De ard chusboir, agus suim shonruighte ann laoidhibh, thaoibh a ghraidh roi-iongantach ann obair na saorsa a ghabhail o’s laimh, ann na tabhairt air a h aghaidh, agus ann na criochnachadh. Agus gheabh na naoimh, agus na h aingeal aobhar cliu agus molaidh gu leor ann an oibribh cruthaich, freasail, agus saorsa trid saoghal nan saoghal. Ceist CIV. Creud ata sinn ag guidhe san cheathramh iartas? F. San cheathramh iartas, (eadhon, Tabhair dhuinn an diu ar ’n aran laitheil,) ata sinn ag iarruidh gu fuighmid do shaor thoirbh- [TD 445] eartas Dhe, roinn chuimseach do nithe maith na beatha so, agus gu mealamaid a bheannacha fein maille reu. C. Creud ata air a chialluchadh le aran ann so? F. Lón iomchuidh d’ ar corpaibh, far am bheil cuid air a ghabhail air son an iomlan, mar ata e, Eoin 13. 8, &c. C. Nach ’eil sinn gu nithe eile iarruidh air son ar corpaibh osbarr air lón? F. Ata; agus ata aran air uaireadh air a ghabhail ann seagh fairsing, air son gach aon ni ’ta feumail chum ar corpaibh a chonbhail suas ann am beatha, mar ata e, Gin. 4. 19. mar so, ata ionadaibh comhnuidh, slainte, codal, eadach, cungaidh leighis, agus nithe eile feumail na beatha so, air an gabhail a steach ann, agus as coir dhuinn an iarruidh ann ar ’n urnuigh ne; agus mar an ceadna, air son teasairgin o gach, ni milteach a chuireadh ar corpaibh a’ mughadh, agus ann aghaidh gach ni eile ’ta cuideachadh chuige sin, mar ata do-aimsir, gaine, foirneart, losgadh, plaighean, &c. C. C’ ar son ata Criost ag ainmeach arain amhain ann san urnuigh so? F. A theagasg dhuinn gun do chail sinn ar coir air nithe maith na beatha so, agus gu do thoill sinn gum bithidh iad uil’ air an toirt uaith ne; gur h e an sbruileach as lugha do ’n aran saor thiodhlac Dhe, agus nach airidh sinn orra air doidh air bhith aig a laimh sin. Mar an ceadna, a theagasg dhuinn gun bhi ’g iarruidh nithe rimheach, ach nithe feumail amhain, agus a bhi toilichte le teachd an tir iomchuidh, 1 Tim. 6. 8. C. Nach leis an Tighearna an t aran ata sinn ag iarruidh, c’ ar son ma ’ta a deir sinn ar ’n aran ne ris, mar gu ’m bithidh coir aguinn air? F. A deir sinn ar ’n aran fein ris, cha ’n e gur airidh sinn air o Dhia, oir cha ’n ’eil dadum mar [TD 446] fhiacha aig duin’ air bith air sin; ach do bhri gur i toil De orduchadh, o shaor thoirbheartas do ’n duine chum ar teasairgin, agus mar an ceadna, a theagasg dhuinn bhi toirt fainear, ciod a choir ata aguinn air an aran ata sinne ag ithe, eadhon, gur h e ar ’n aran fein, agus nach aran duin’ eile bhios ann. C. Co iad an droing nach fhead an aran fein, a radh ris an aran a bhios iad ag ith? F. Iadsan ata ’g ithe aran an diomhainies, ni ’ta air ainmeachadh, Sean. 31. 27. eadhon, nach ’eil iad ag saotharacha’ air a shon, ach ag teachd an tir air teagradh dhaoine eile; mar an ceadn, iadsan ata ’g ith arain foirneart agus mealtaireachd, ni ata air aimneachadh, Sean. 4. 17. & 20. 17. eadhon, aran a gheabhar le slada, agus ea’ coir; agus cha ’n fheadar a radh gu ’m bheil iad sin, ag ith an arain fein. C. Creud ata mar fhiacha oirne, chum ’s gu ’m feadear ar ’n aran fein a radh ris an ni a bhios sinn ag ith’? F. ’S eigin dhuinn fheuchain gu ’m bi coir laghail aguinn air, gu ’n teagair sinn e le meadhona ionraic agus laghail, 2 Thess. 3. 12. 2. ’S eigin dhuinn fheachain mar an ceadna, gu ’m bi coir coi’-cheangail aguinn air ar ’n aran, le sealbh fhaghail ann Criost, oighre gach aon ni, oir choisean eisean coir do na creidmhich air nithe maith na beatha so, air doidh coi’-cheangail, Rom. 8. 32. 1 Cor. 12. 23. Isa. 33. 16. C. Am fead na neo’-chreidmhich an aran fein aradh ris an ni ata aca, ann lathair Dhe co-mhath ris na creidmhich? F. Cha ’n fhead; oir ciod air bhith coir lagha ata aca air na bheil iad ag sealbhachadh, ni bheil coir aca air dadum tre coi’-cheangal: ciod air bhith ata aca le freasdal, agus luidheasacha Dhe, cha ’n ’eil ni air bhith aca le gealladh, no le gradh [TD 447] Dhe, is iad na creidmhich amhain, fior oighreachan agus sealbhaidearan an t saoghail, le so, ata aobhar aig na mi-chreidmhich ata lan sai’bhreas, bhi air an irioslachadh gu mor an lathair Dhe, agus a radh “mo thruaidh,” ni bheil annaine ach ain-Tighearna air deagh thiodhlacaibh Dhe, oir cha ’n ’eil coir air bith aguinn orra na lathair sin, Sal. 37. 9. 11. Mat. 5. 5. 1 Tim. 4. 8. C. Ciod ata r’ a thuigsin le aran laitheil san iarrtas so? F. Uirid do nithe maith na beatha so, as ata feumail chum ar beathacha’ o aon la, gu la eile. C. C’ ar son nach e aran bliadhnail, ach aran laitheil ata Criost ag teagasg dhuinn iarruidh? F. A theagasg na nithe so dhuinne; 1. Gun duil a bhi aguinn re moran laith, no re nithe mor san t saoghal so, ach gach la a chaithe mar gu b’e ar la deireanach e; uime sin ata e air a radh san iartas, tabhair dhuinn AN DIUGH, Sean. 27. 1. 2. Bhi teachd beo ann earbsa re Dia do ghna’, gun ro-churam m’ an am re teachd, Mat. 6. 34. Phil. 4. 6. 3. Bhi ’g ar cleachduin fein gach la re urnuigh, agus tiodhlacaidh Dhe aid’iche le buidheachas, agus a bheannuchadh iarruidh orra, Sal. 55. 17. 1 Thess. 5. 17. C. Am fead sinn saibhreas, no nithe mor iarruidh dhuinn fein? F. Cha ’n fhead; oir ata Dia ag toirmeasg so dhuinn, agus ag innseadh dhuinn, gu tuit an dream a bhios beartach ann iomad buaireadh agus ribe, Jer. 45. 1 Tim. 6. 9. C. Ciod e ma chi Dia iomchuidh beartas a luidheasach oirne? F. Ann sin bu choir dhuinn a ghabhail a laimh Dhe le buidheachas, agus gràs iarruidh d’ a ghnathachadh chum a ghloir sin, agus d’ ar coimhead o gach buaireadh, agus ribe ata gu tric ’n an co’-chuideachd, Gin. 32. 10. [TD 448] C. Creud iad na buairibh sin? F. ’N uair a bhios saibhreas ag dol a mead, ata daoin’ air am buaireadh chum an cridheachan a shocruchadh orra, earbs’ agus bun a dheanamh asta, fas uaibhreach, bhi deanamh dearmad air Dia, agus foirneart air daoinibh, Sal. 62. 10. 1 Tim. 6. 17. Deut. 8. 13. 14. Seum. 2. 6. C. Nach ’eil iomadh buaireadh mar an ceadna an co’-chuideachd bochduin? F. Ata. C. Creud iad na buairibh sin? F. Ata na bochdan air am buaireadh gu bhi neo’-thoilighte le ’n staid, agus a ghnathachadh meadhona mio’ laghail chum a leasachadh, Sean. 30. 9. C. Creud an staid as lugha cunntart air buaireadh, agus as inn-mhiannuiche? F. Staid mheadhonach, le cuimh-rionn cuimseach do nithe maith na beatha so; agus air an aobhar sin, chuir Agur suas an urnuigh so re Dia, Sean. 30. 8. “Na toir dhamhsa beartas, no bochduin, beathaich me le lòn iomchuidh air shon.” C. Ciod ata r’ a thuicsin le cuibh-rionn cuimseach? F. Uiread do nithe maith na beatha so, is ata freagrach d’ ar staid agus d’ ar feumaibh, & a chi Dia iomchuidh air ar son. C. Nach h e Dia breitheamh as fearr air ar feum? F. Is e; oir ata ar n Athair neamhaidh d’ an aithne ar ’n uil’ fheum, neo’-chriochnach ann am maitheas, agus ann gliocas, Mat. 6. 32. C. Do bhri’ gu ’r aithne d’ ar ’n Athair neamhaidh ar ’n uir-easbhuidh uile, ciod am feum ata aguinn air an iarruidh air sin? F. Thaobh gur miann leis bhi ’g eisteachd re guth a luchd muintir, agus gu ’r aill leis gun [TD 449] aid’-ich iad gu bheil gach aon ni ag teachd uaithe sin. C. Am bheil ni air hith ’eil aguinn r’ a dheanamh m’ ar ’n aran laitheil, ach bhi re urnuigh air a shon? F. Dh’ orduigh Dia dhuinn bhi re saothair air a shon mar an ceadna, Gin. 3. 19. “Ann an fallas do ghnuis itheadh thu aran uile laithe do bheatha, gus am pill thu ris an dus.” C. Nach ’eil Dia diom-buidheach do ’n dream ata ’g iarruidh arain le samhludh urnuigh, is nach dean saothair air a shon? F. Ata, 2 Thess. 3. 10. C. Ma ’s eigin do dhaoine bhi re saothair air son an arain, ’c ar son as eigin dhoibh iarruidh air Dia ann urnuigh? F. Do bhri’ gur e Dia a bheir gliocas agus neart dhuinn ’g a shaotharachadh, a shoirbheicheas le ’r saothair, agus a ni nithe maith na beatha so tarbhach chum ar beathachaidh, agus ar conbhail suas, Deut. 8. 18. Sal. 127. 2. Lebh. 26. 26. Deut. 8. 3. C. ’M bu choir do na daoine saibhear, aig am bheil gu leor, an aran laitheil iarruidh ann urnuigh? F. B’ eadh; bu choir dhoibh bhi ag urnuigh re Dia, gu ’m bithidh na gheabh iad air a bheannuchadh dhoibh, air a bhuanachadh aca, agus gu ’m fuighidh iad e, mar gu b’ ann a laimh an Tighearna. C. C’ ar son as eigin dhuinn beannuchadh Dhia iarruidh air nithe aimseireil? F. Do bhri’ gu ’m bithidh iad malluichte agus cronail as eagmhuis a bheannuicheadh sin, Hag. 6. Mat. 2. 2. C. Nach fearr beagan le beannuchadh Dhia, na saibhreas nan aingidh? F. Is fearr, Sal. 37. 16. [TD 450] C. Ciod as coir dhuinn a dheanamh chum ’s gu ’m bithidh ar cuibh-rionn do nithe aimsireil air a bheannuchadh agus solasach dhuinn? F. ’S eigin dhuinn ar coir air Criost a choisean iad a dheanamh cinnteach, bhi re faire ann aghaidh ro churam saoghalta, bhi ag earbsa re freasdal ar n Athar neamhaidh, bhi toilichte le a luidheasachd’ sin, agus taingeil air a shon, co’ throm a dheanamh ris gach duine, agus tiodhlacaidh Dhe a ghnathachadh chum a ghloire fein. C. Am bheil an t iartas so ag toirmeasg gach gne do churam mu nithe a thaisgeadh suas fa chomhair an am re teachd? F. Cha ’n ’eil; oir ata cuid do churam air doidh roimh shealladh criondachd, feumail chum freasdal a dheanamh air son cloinne, agus teaghlaichean, agus ata so air gach achd, ag co’ sheasamh re bhi ’g earbsa’ a Dia air son ar ’n arain laitheil. 2 Cor. 12. 14. 1 Tim. 5. 8. Chi sinn gu n do thaisg Joseph fa chomhair na gaine bha ag teachd, agus ata Solamh a’ cliuacha’ bhi re cruinneachadh san t samhraidh, os barr, ata Criost fein ag iarruidh an sbruileach a chuaidh fhagail a thogbhail suas, agus bha fear sporain aige chum ’s gu ’m bithidh taisgeadh aca roimh laimh fa chomhair am feum, Gin. 41. 48. Sean. 6. 6, 7, 8, &c. Eoin 6. 12. agus 13. 29. Sean. 31. 16. C. Ciod e an ro-churam nach ’eil ag co’ sheasamh ris an iartas so? F. An curam sin ata ag srutha o an barr graidh do nithe saoghalta, ni ’ta ag tarruing dhaoine gu meadhona mio-laghail a ghnathachadh chum righeachd orra, no ’ta ’g an lionadh le smuainteadh mio-shuaimhneach, agus ain-earbsach. Ceist CV. Creud ata sinn a guidhe san chuigeadh iartas? [TD 451] F. San chuigeadh iartas, eadhon, (Agus maith dhuinn ar fiacha, amhuil mar mhaithmid d’ ar feicheanaibh) atamaid ag guidhe Dhe, maitheanas a thabhairt dhuinn gu saor ann ar ’n uile pheacaidh air son Chriost; agus is moid ar misneach so iarruidh, gu bheil mid air ar neartucha trid a ghrasan, ann a’ maitheanas a thabhairt do dhaoin’ eile o ar cridhe. C. Cionnas nach ’eil aguinn ann an urnuigh ’n Tighearna ach aon iartas air son nithe aimsireil, agus na h uiread air san nithe spioradail? F. A theagasg dhuinne bhi’ moran ni as curamaiche mu ar ’n anamaibh luachmhor neo’-bhasmhor, na bhitheas sinn m’ an chorp bhochd bhàsmhor. C. C’ ar son ata an tiartas so air a cheangal ris an iartas ata air thoiseach air leis an fhocal cheangail sin, AGUS? F. A theagasg dhuinn nach fhead na nithe aimsireil a bhios sinn ag mealtain, co’-fhurtachd no solas a thabhairt as eagmhuis maitheanais cionta; agus uime sin, ’n uair a bhios sinn ag iarruidh an dara h aon, bu choir dhuinn an aon eile iarruidh san cheart am; oir ge do roibh an saibhreas saoghalt as mo aig duine, is creatuir truadh e ma ’ta e gun mhaitheanas fhaghail. C. Ciod ’ta air a chialluchadh le fiacha ann so? F. Ar peacaidh’ ne ann aghaidh Dhe. C. Do thaobh gu r i ar ’n umhlachd am fiacha ta dligheach do Dhia, ann an seagh direach, cionnas a deirir fiacha re peacadh? F. Deirir fiacha re peacadh mar an ceadna, do bhri’ gu bheil sinn a’ gabhail fiacha as ùr oirn fein, do cheartas De, ’n uair ata sinn ag teachd gaoirid ann umhlachd a dhligheadh dh’ a; le peacadh ’ta [TD 452] sinn ag teachd fa cheangal do cheart dioghaltas Dhe, air son gach ea coir ata sinn ag deanamh air, chum smachdachadh siorruidh fhulang; agus ata coir aig Dia mar am * fear-fiacha dioladh iarruidh ’n uair as aill leis. C. Nach ’eil comharthaidh droch fheicheanna oirne? F. Ata; oir ata sinn neo’-chomasach air an dioladh as lugha, ata sinn ag fas coi dheas m’ ar ’n ain-fhiach a dhligheadh, cha ’n aill leinn na fiachaibh aidmheil, ata sinn ag seachna cunntas a dheanamh, ata sinn ag seachnadh an roid air an fhear fiachaidh, agus cha mhaith lein tachairt air. C. Nach ’eil ain-fhiach a pheacaidh ’g air fagail buailteach do thruaigh as mo na ain-fhiach air bith eile? F. Ata; oir cha ’n ’eil ain-fhiach eile, ach ag fagail corpaibh dhaoine bualtaich do thruaigh san bheatha so, ni a chuireas am bàs crioch air; ach ata ain-fhiach a pheacaidh ag fagail ar ’n anamaibh agus ar corpaibh mar aon buailteach do thruaigh shiorruidh ann ifrinn a ghaintir as measadh air bith, as nach fead daoine duil a bhi aca re fuasgladh. C. Am bheil e ann comas duin’ air bhith na fiacha so iocadh? F. Cha ’n ’eil uirread as an fhoirling as lugha. C. Cionnas ma ’ta a bhios sinn air ar teasairgin o uallach ar fiachaibh? F. Is eigin dhuinn maitheanas saor iarruidh air Dia, mar ata sinn air ar seoladh san iartas so, MAITH DHUINN AR FIACHA. C. An toir Dia logha dhuinn ann ’s na fiachaibh gun dioladh fhaghail d’ a cheartas? F. Cha tabhair; ach shollair e fein urras dhuinn a thug lan dioladh, eadhon, an Tighearn’ * agartais. [TD 453] Josa Criost, agus ’s an air a sgath sin as eigin dhuinn maitheanas iarruidh. C. Ma thug Criost lan dioladh san ain-fhiach cionnas ata am maitheanas saor? F. Ata e saor dhuinne, do bhri’ nach ’eil Dia ag iarruidh dioladh air bith uaithe ne, agus gur h e fein a shollair an t urras gu saor dhuinne o ’m bheil e ’g iarruidh diolaidh, gun toilteanas, no togradh air bith ann aine, mar so, ata a mhaitheanas saor d’ ar taoibh ne, do reir, Rom. 3. 24. “Air dhoibh bhi air am fireanachadh gu saor le a ghràs, trid an t saorsa ata ann Josa Criost.” C. Creud iad na meadhona is eigin a ghnathacha’ chum ’s gu ’m fuigh mid an saor mhaitheanas so? F. ’S eigin dhuinn dol a dh’ ionnsuidh trocair Dhe ann Criost, le creideamh agus aithreachas, agus bhi ag tagradh maitheanais air a sgath san; agus rùn a thoirt maitheanais d’ ar luchd fiacha a thaisbean, mar ’ta Criost ag teagasg dhuinn. C. Co ata r’ a thuicsin le ’r luchd fiachaibh ann so? F. Na h uile a rinn cron no eacoir oirn, ann ar pearsaidh, ann ar maoin, ann ar ’n ainm, ann ar daimh, no ann ni air bhithe eile. C. Cionnas ata sinne ag logha cionta ar luchd fiachaibh? F. Le bhi ’g an leigeil seachad, gun fhuadh, no togradh dioghaltais nan aghaidh, ach a bhi ullamh a dheanamh maith orra ’n tra’ bhios e ’n ar comas. C. Am bheil an droing sin ag toirt maitheanais o ’n cridhe, ag am bheil rùn chum cron do dhaoin’ eile, no’ta re gairdeachas diomhair ’n uair a tharlas olc dhoibh? F. Cha ’n ’eil. C. Ciod i an staid ann sam bheil an dream sin nach maith an cionta do dhaoin’ eile! F. Ata Criost ag radh, “ni mo a mhaitheas Dia dhoibhsin an cionta,” Math. 6. 15. C. Am bheil sinn air doidh air bith ag toiltin [TD 454] maitheanas o Dhia, le bhi ag toirt maitheanas do dhaoin’ eile? F. Cha ’n ’eil; ata so amhain na aobhar misnich a bhi ’g earbsa a maitheanas o Dhia, ’n uair a mhothaicheas sinn an fhia’ nais so air gràs Dhe ann ar cridhechan, ata cur impidh oirne chum maitheanas a thoirt seachad. C. Am bheil sinn comasach dh’ inn fein air maitheanas a thoirt do dhaoin’ eile? F. Cha ’n ’eil, ’s eigin dhuinn gràs fhaghail o Dhia g’ ar neartuchadh chum so a dheanamh, Luc. 17. 3. &c. C. Am bheil é r’ a thuicsin o ’n iartas, gur ionann an doidh air am bheil sinne ag toirt maitheanais do chach eile, ris an doidh air am bheil Dia ag toirt maitheanais dhuinne? F. Cha ’n ’eil; oir cha ’n urra sinne maitheanas a thabhairt, co-shaor, co-iomlan, agus co-chriochnaichte as a bheir Dia: ach is briathar cosamhlachd so, ata ag taisbean ar togradh chum Dia a leantain ann san doidh air am bheil e ag maithe dhuinne, agus gur coir dhuinn so a dheanamh gu cridheil agus gu neo’-mheangail. C. Nach ’eil e ro chunntartach bhi gnathachadh urnuigh an Tighearna le cridhe mi-runach? F. Ata; oir ata an droing sin a’ gnathachadh malluch oilteil ’nan aghaidh fein, a’ guidhe gu ’m buineadh Dia riusan mar ata iadsan ag buinteann re daoin’ eile, eadhon, nach d’ thugadh e maitheanas idir dhoibh. C. Cionnas a rigeas sinn air an fhònn anama so bhi ag toirt maitheanas seachad? F. Le bhi ’g a iarruidh air Dia, agus le bhi ag beachduchadh air àitheantaibh agus efempleir ar slanui’-fhir, agus air a ghealladh maitheanais ata coi’-cheangailt riu, Mat. 6. 14. agus mar an ceadna, le bhi ag cuimhneach gu bheil sinne, ag deanamh moran tuilleadh ea coir air Dia na ’ta duin’ air bhi ag deanamh oirne, agus ma ’m Dia ag [TD 455] logha deich mile talanna dhuinne, ’s maithe a dh’ fheadas sinne ceud peghinn a mhaithe d’ ar coimhearsnach, Mat. 17. 32, 33. C. An coir dhuinn’ maitheanas a thoirt do ’n droing nach eil ’g a iarruidh oirn, no re aithreachas air a shon? F. ’S eadh; oir chi sinn gu ’n d’ rinn Criosd agus Stephen so. C. Nach ’eil iad ag fantuin fuigh fhiacha do Dhia air son am peacaidh mar dean iad aithreachas, ge do bheir sinne maitheanas dhoibh? F. Ata; agus uime sin, cha bu choir dhoibh sin ata ag deanamh ea’ coir air an coimhearsnach, iad, fein a thoileachadh le maitheamhnas o dhaoinibh, ach ’s eigin dhobh glaodhaich re Dia, chum ’s gu ’n d’ thugadh eisean maitheanas dhoibh mar an ceadna, ag radh le Daibhi, Sal. 51. 4. A ’taghaidh, ’s a’ t aghaidh e amhain do pheacaich me, mur gun abradh e, is beag an cron a rinn mise air cach eile, ann coimeas ris an ea coir a rinn me ortsa o Thighearna. Ceist CVI. Creud ata sinn a’ guidhe san t seathadh iartas? F. San t seathadh iartas, eadhon, (Agus na leig am buaireadh sinn ach saor sinn o olc) ata sinn ag guidhe Dhe ar coimhid o bhi air ar buaireadh chum peacaidh: no ar conbhail suas agus ar saoradh an t am a bhuairear sinn. C. C’ ar son ata an t iartas so air a cheangal ris an iartas air thoiseach air leis an fhocal sin, AGUS? F. A theagasg an da ni sin dhuinn, 1. Gur iad an dream a gheibh maitheanas cusboirean mio-ruin an aibheirseoir. 2. ’N uair a bhios na peacaidh a chuaidh seachad air an logha gu ’m bu choir [TD 456] dhuinn bhi ro churamach re faire ann aghaidh a pheacaidh san am re teachd, Sal. 85. 8. C. Creud iad na buairibh sin d’ am bheil sin buailteach? F. Ata d’ a ghne dhiubh ann, cuid chum ar dearbhadh agus cuid eile d’ ar mealladh. C. Cia uaithe ’ta na buaireadh sin ata chum ar dearbhadh ag teachd? F. Ata o Dhia, mar so bhuair e Abraham, Gin. 22. 1. C. C’ar son ata Dia ag buaireadh a luchd muintir? F. Chum an creideamh agus an grasan eile a dhearbhadh, 1 Phead. 1. 6, 7. C. Do bhri’ gur aithne do Dhia gu h iomlan ciod ata ann sgach duine, c’ar son ata e ’g an dearbhadh? F. Ni bheil e ag dearbhadh no ag feuchain a luchd muintir air a shon sin, ach air an son fein, chum ’s gum b’ fhearr a b’ aithne dhoibh iad fein; agus mar an ceadna air son dhaoin’ eile, chum le bhi ag dearcadh air an grasan, gu ’m bithidh iad air am brosnuchadh chum an eisempleir a leantainn agus le bhi ag toirt fai near d’ an anmhuinneachd, gu foghluimibh iad gluasachd iriosal an lathair Dhe. C. Cionnas ata an t abstol Seumas ag radh nach ’eil Dia ag buaireadh neach air bith? F. ’S e seagh an àite sin, nach ’eil Dia ag buaireadh duin’ air bhith chum a mhealladh, no a tharruing chum peacaidh. C. Cia uaithe ma ’ta a thig am buaireadh ata ag mealladh dhaoine? F. O ’n diabhol, o ’n t saoghal, agus o ’n fheoil. C. C’ ar son a deirir am buaireadoir ris an diabhol? F. Do’ bhri’ gu bheil lamh shonruight aige ann [TD 457] ann ar buaireadh gu peacach, agus is gnath obair dh’ a bhi ag mealladh agus ag brosnuchadh dhaoine chum uilc. C. Nach buaireadoir ro cheilg-sheoltadh an diabhol? F. Is eadh, mar ata e soilleir le e bhi gabhail beachd eòlais air staid dhaoine, agus ag roghnacha’ na h amaibh, agus na meadhona as iomchuidhe, agus na buairibh as fearr a fhreagras chum buadhach orra, le bhi ’g a chuir fein air uaireadh ann cruth aingeil soillse, agus uaithe so, ’ta na sgriobtuir ag radh an t sean naithir ris, agus ag labhairt air innleachdaibh, air a chuil-bheartachd, agus air a liontaibh, Job 1. 8. Tais. 12. 9. 2 Cor. 2. 11. Eph. 6. 11. 2 Tim. 2. 26. 2 Cor. 11. 14. C. Nach ’eil am buaireadoir so ro ain-iochd-mhor amhail as mar ata e cealgach? F. Ata; agus uime sin, deirir leomhan beuchdach ris, 1 Phead. 5. 8. oir ’ta e ag slugadh suas a chabhartachd gun truacantas air bith, ’n uair a gheibh e lamh an uachdar orra. Ge do bhios e air thus gu seolta’ ag buaireadh, agus a tarruing dhaoine a chur a pheacaidh ann gniomh, gidheadh diteadh e le h ain-iochd iad, ann diaidh laimh agus pianaidh e air a shon iad. C. Nach mor is usadh do ’n diabhol buadhacha’ oirne, gu ’m bheil cairdibh laidir aige ann taobh stigh dh’ inn? F. ’S eadh; oir ’ta ain-miannaibh na feola do ghna’ ullamh, cosmhail re Dellilah, chum ar toirt suas ann a lamhan, Breith 16. C. Creud ata r’ a thuicsin leis na briathraibh sin, NA LEIG AM BUAIREADH SINN? F. Ann ’s na briathraibh sin, ata sinn ag guidhe, nach fagadh Dia buailteach gu buaireadh sinn, agus nach d’ thugadh e suas gu toil a bhuaireadoir sinn; chum, as an uair a bhitheas sinn buailteach dhoibh, nach conbhadh Dia congnadh a ghràis [TD 458] uaithn’ ach gu neartuicheadh e sinn chum cathachadh ’n an aghaidh. C. Nach ’eil Dia air uaireadh mar bhreitheamh ag fagail dhaoinibh gu cumhachd an aibhearsoir? F. Ata; agus sin gu ceart bhreitheach, do bhridh gu bheil iad le ’m peacaidh ’g a bhrosnuchadh chuige sin, 1 Sam. 16. 14. Job 1. 12. Sal. 109. 6. Rom. 1. 24. 2 Thess. 2. 11. C. Nach bu choir dhuinn bhi ag guidhe gu cumadh Dia sinn o bhi air ar buaireadh? F. B’ eadh; do bhri’ gu bheil sinn dh’ inn fein, lag agus anmhunn a chur n an aghaidh, agus ullamh a dh’ aontachadh leo. C. Cionnas ata Dia ’g ar coimhid o bhi air ar buaireadh? F. Ata è ’g a dheanamh so, le bhi ag naomhacha ar naduir-ne, no le bhi ag ceangal suas a bhuaireadoir, no le bhi ’g ar coimhid o theachd an ròd a bhuaireadh. Ata an Tighearn’ air uaireadh ag cur fal mu thimchioll a luchd muintir le droighinn na triobluid, d’ an conbhail o dhol air seachran ann an slighe chlaon agus chunntartach, Hos. 2. 6. C. Nach bu choir dhuinn ar ’n uile dhicheall a chur re ar ’n urnuigh le bhi ag faire oirn’ fein, chum is nach bitheamaid air ar buaireadh gu peacadh? F. B’ eadh, oir ’s i so toil an Tighearna, gu ’m bithidh faire agus urnuigh ag dol laimh air laimh, Mat. 26. 47. “Deanaibh faire agus urnuigh chum as nach tuit sibh am buaireadh.” C. Nach ’eil Dia air uaireadh ag ceaduchadh do ’n Diabhol a chaomh luchd muintir a bhuaireadh? F. Ata; oir ata e ag faicsin so iomchuidh chum a’ maith, a dhearbhadh an grasan, a lughduchadh an uaibhreachais, d’ am brosnuchadh chum urnuigh, a nochda’ dhoibh am feum ata aca air beatha a chreideamh ann an Josa Criost, d’ an deanamh sar thoileach chum an saoghal so fhagail, far am bheil an namhaid sin ag dol m’ an [TD 459] cuairt, agus d’ an deanamh deigheil air trial chum ’n am flaitheas, far am bi iad gu siorruidh saor d’ a bhuairibh. C. C’ ar son ata an Diabhol ag buanachadh ann bhi ag buaireadh luchd muintir Dhe, o nach ’eil e ’n a chomas a’ milleadh? F. Ata a mhi-run co mhor dhoibh, is mar ’eil e na chomas an conbhail o neamh, gu n dean e an t slighe g’ a ionnsuidh co docrach as a dh’ fheadas e. C. Creud iad na h aobhair co’ fhurtachd ata Dia ag luidheasachadh air a luchd muintir ’n tra’ bhios iad fuidh bhuaireadh? F. Ata e na aobhar misnich dhoibh, gu bheil fios aca gu bheil an t aibhearsoir fuidh chuibhreach aig’ am fear saoruidh, air achd is nach ’eil e na chomas am buaireadh ni as faide na cheaduicheas Criost dh’ a, gu ’n d’ thug eisean a ghealladh fior agus milis dhoibh, gu cum e suas iad; gu ’n d’ aontaich e fein a bhi air a bhuaireadh leis an Diabhol, chum ’s gu ’m bithidh co’ mhothach aige r’ a phobul, agus gu ’m bithidh e ullamh gu cabhair a dheanamh orra san ann am am buaireadh, Eabh. 2. 18. C. Creud iad na geallaibh a thug Criost d’ a luchd muintir d’ an conbhail suas fuidh bhuaireadh? F. Gheall e a latharachd ghrasmhor dhoibh, faoi an chruaidh fheuchain as goirteadh, agus nach leig e dhoibh bhi air am buaireadh thar an comas, ach maille ris a’ bhuaireadh gu dean e slighe dol as dhoibh, Isa. 43. 2. Eabh. 13. 15. 1 Cor. 10. 13. C. Cionnas ata Criost ag deanamh cabhair air a luchd muintir ’n ’tra’ bhios iad air am buaireadh? F. Ata e ag cur a Spioraid a neartuchadh obair nan gras ann taobh stigh dhiu, ag toirt orra bhi cuimhneachadh air a gheallaibh, ata e re eidear-ghuidh air an son, nach diobradh an creid- [TD 460] eamh iad, agus ata e ann am iomchuidh ag toirt a bhuaireadoir uatha. C. Am bheil neach air bhith comasach air e fein a choimheid ann am a’ bhuaireadh? F. Cha ’n ’eil; oir ’s e Dia amhain ata comasach chum an gleidheadh o thuisleadh, Jude 24. C. Nach ’eil an t aibhearsoir air uaireadh ag cur smuainteadh ain-earbsach, agus dia-mhaslach an cridheachan luchd muintir Dhe? F. Ata. C. An agair Dia na smuainteadh sin mar chionta air a phobull fein? F. Cha ’n agair ma ’s e ’s gur fuathach leo iad, gu bheil doilgheas orr’ air an son, agus nach ’eil iad ag aontachadh leo. C. Ciod ata air a chialluchadh leis an olc, ann san iartas so, o am bheil sinn ag guidhe bhi air ar saoradh? F. Ata sinn a’ guidhe ann so, bhi air ar saoradh o ’n aon olc, eadhon, o ’n Diabhol; o olc nan olc am peacadh, o olc a’ bhuaireadh san t saoghal so, agus o olc a pheanais san t saoghal ata re teachd. C. Am bheil ni air bith eile mar fhiacha oirn, ach bhi ag guidhe teasairgin? F. Ata: ’s eigin dhuinn mar an ceadna, bhi re faire, agus gu curamach ag seachna gach fath chum peacaidh, mar ’ta diomhanas, droch cuideachd, agus an leithid sin, oir gach neach nach ’eil ag deanamh so, ata urnuigh na fochaid air Dia. Ceist CVII Creud ata co’dhunadh urnuigh an Tighearna ag teagasg dhuinne? F. Ata co’-dhunadh urnuigh an Tighearna, eadhon, (Oir is leatsa an Rioghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghloir, gu siorruidh, AMEN) ag teagasg, dhuinne misneach ann [TD 461] urnuigh a ghabhail o Dhia amhain, agus ann ar ’n urnuigh eisean a mholadh, le rioghachd, cumhachd, agus gloir o thabhairt dh’ a, agus mar fhia’ nais air ar miann, agus air dearbhbeachd ann eisteachd fhaghail, deirmid AMEN. C. Creud ata sinn ag foghlum leis an fhocal sin OIR, ata air a chur re co’dhunadh na h urnuigh so? F. Ata e ag teagasg dhuinn bhi ag sparragh ar ’n urnuigh le argumainte, mar bu ghna’ leis na naomh a dheanamh, mar chi sinn, Air. 13, 14. &c. Josh. 7. 9. 2 Chron. 14. 11. & 20. 6, &c. C. C’ ar son is eigin dhuinn argumainte a gnathachadh ann urnuigh re Dia? F. Cha ’n ann a chur impidh air Dia le sin, a thoirt an ni sin dhuinn nach bu toileach leis; ach bu choir dhuinn a dheanamh chum ar creideamh a neartuchadh, agus a bhrosnuchadh ar dian dhurachd ann an tagradh re Dia. C. Am fead sinn ar ’n argumainte agus aobhar ar misneach an urnuigh, a tharruing o fhuigheantas no maitheas air bith ann ain fein? F. Cha ’n fhead. C. Cia uaithe ma ’ta is eigin dhuinn an tarruing? F. O bhuaidhibh neo’-chriochnach Dhe, agus o fheartaibh Josa Criost a Mhic. C. Creud iad na h argumainte, na na h aobhair misneich ata air an ainmeachadh ann an co-dhunadh urnuigh an Tighearna? F. Iad sin, eadhon, rioghachd, cumhachd, agus gloir Dhe, noch ’a mhairtheas gu siorruidh. C. Ciod as crioch agus seagh do ’n cho’-dhunadh so? F. A nochda’ dhuinne nan riosunn ata againn ann urnuigh a dheanamh re Dia, agus mar an ceadna a theagasg dhuinn gu ’m bi a chrioch [TD 462] shonruighte a bu choir dhuinn a chuir romhain ann ar ’n urnuigh, gu bithidh rioghachd, cumhachd, agus gloir Dhe, air am foillseachadh, agus air an arduchadh ni as mo, agus ni as mo. C. Ciod ata r’ a thuigsin le rioghachd Dhe ann so? C. An t ard uachdranachd rioghail, agus an t ughdarras iomlan ata aig Dia air an t saoghal, agus air gach aon ni ata air neamh, agus air thalamh. C. Am bheil rioghluchadh gach rioghachd agus uachdarain an t saoghail gu leir aig Dia? F. Ata, agus uime sin, ata e ag riaghluchadh rioghachdaibh, agus stataibh an t saoghail gu leir, agus ata coir neo’-fhuasgailt aige air a so dheanamh, ann an rioghachdaibh nadurra, an fhreasdail, nan gras, agus na gloire, mar chiotfar leis maith. C. Creud an t aobhar misneich a dh’ fheadas sinn a tharruig o rioghachd Dhe ann ar ’n urnuigh? F. Do bhri’ gur h e Dia ar Righ ne, agus ar Riogh lui’-fhear d’ am buin gach aon ni a stiuradh agus a rioghluchadh mar is aill leis, ata aobhar dochais aguinn gu ’m bi è ullamh a thoirt an ni a bhios maith dhuinn do reir ar feum; oir bithidh run maith aig deagh Righ d’ a iochdarain. Agus uime sin, is tric le luchd muintir Dhe bhi ag tagradh ris air an doimh so, Sal. 5. 2. & 20. 9. & 74. 12. C. Ciod ata r’ a thuigsin le cumhachd Dhe ann so? F. A neart agus a chomas neo’-chriochnach, leis am bheil e ag deanamh gach aon ni as aill leis. C. Ciod e an t aobhar misnich a dh’ fheadas sinn a ghabhail o chumhachd Dhe ann ar ’n urnuigh? F. Do bhri’ gu bheil e uile chumhachdach, ata e leor-fhoghainteach, a thoirt gach ni maith a dh’iarras sinn dhuinne; agus ata an argumainte [TD 463] so air gnathachadh gu tric ann urnuigh, 1 Chron. 29. 12. 2 Chron. 20. 6. Mat. 8. 2. Marc. 14. 36. Eph. 3. 20. C. Ach cionnas ata e soilleir gu bheil Dia toileach amhail is mar ata e comasach? F. Do bhri’ gu bheil e ag gabhail dh’ a fein iomradh Righ ro ghrasmhor d’ a iochdarain, agus Athar gradhach d’ a chloinn gu h uile. C. Ciod ata r’ a thuigsin le gloir Dhe ann so? F. An onoir, an inmhe, agus a’ moladh a dhlighear do Dhia, a thaobh oirdheirceachd neo’-chriochnach. C. Ciod i an argumaint ata sinne ag tarruing o ghloir Dhe ann ar ’n urnuighin? F. Gu bheil e gu mor chum gloir ainm fein ar ’n iartais a dheonachadh dhuinn, & gur i so a chrioch shonruighte ’ta sinne a’ cur romhain ann ’s gach aon ni ata sinn ag iarruidh, Sal. 79. 9. & 86. 11. 12. & 115. 1. 2. Jer. 14. 21. Eoin 14. 18. C. Ciod e an t aobhar misnich a dh’ fheadas sinn a ghabhail o na briathraidh sin gu SIORRUIDH. F. Ata e ag neartuchadh ar creideamh’ ne a bhi ag smuainteachadh, gu bheil uachdranachd agus buaidhean Dhe bioth-bhuan; agus nach d’ thig crioch air a chumhachd d’ ar cuideachadh gu brath, mar tharlas do rioghraibh talmhaidh. C. Am bheil Criost leis a cho’-dhunadh so ’g ar teagasg, bhi ag arduchadh, agus ag toirt cliu do ’n Tighearn’ ann ar ’n urnuigh, agus bhi ag cur molaidh d’ a ainmsin do ghna’ re ar ’n urnuighin? F. Ata; oir ata fònn buidheachais fior thaitneach do Dhia, Sal. 69. 30. agus ata e ag cur impidh air ar ’n iartas a thoirt dhuinn, Sal. 67. 5. 6. C. Ciod as seagh do ’n fhocal so, AMEN? F. Is focal Eabhrach e, ata ag cialluchadh cinnt agus firinn; mar gum bithidh e air a radh, a [TD 464] Tighearna, ata e mar sin, no bitheagh e mar sin’ agus ata sinn le so, ag taisbean ar togradh durachdach chum eisteachd fhaghail, agus ar ’n earbsa umhal gu ’m fuigh sin an ni a dh’ iarras sinn ann an ainm JOSA CRIOST, neach is e’ maille ris an ATHAIR, agus an SPIORAD NAOMH, an aon ard DHIA, co dh’ a gu roibh gloir gu siorruidh, AMEN. CRIOCH.