[TD 1] ORAIN GHAELACH. [TD 2] [Blank] [TD 3] ORAIN GHAELACH. LE IAIN MAC GHRIGAIR. —Chual thu guth na ’m bard nach beo: ’S glan faiteal do chiùil fein. ’S caoin faiteal na ’m fonn ’o Mhalmhìne! Ach claonidh iad anam gu deoir. SMITH’s Tiomn. GHUILL. EDIN-BRUAICH: CLO-BHUAILT LE ADHAMH MAC NEILL AGUS A CHUIDEACHD. 1801. [TD 4] [Blank] [TD 5] [Dealbh – MacGregor coat of arms] SRIOGHAIL MO DHREAM ARD CHOILLE DO ’N RIDAIRÈ URAMACH IAIN MAC GHRIGAIR, TRIAGH LANRIC AGUS BOCHUIDER, CEAN-CINNICH SHIOLL AILPAIN, &c. &c. &c. THA NA H ORAIN GHAELACH A LEANNAS AIR AN DEARCADH, GU H UMHAIL, LE IOCHDARAN, FO IOMA COMAIN, IAIN MAC GHRIGAIR. [TD 6] [Blank] [TD 7] PREFACE. SOME of the following Poems were composed, about fifteen or sixteen years ago, merely for the Author’s private amusement. When their number had increased, he conceived the idea of presenting them to the Public. In accomplishing this object, he laboured under the peculiar disadvantage of being unable to write his vernacular language. The Author acknowledges with gratitude the assistance he received, in originally preparing this Work, from the Reverend Mr Maclaren of Glasgow, and Mr Kennedy of the same place.—At the request of Sir John Macgregor Murray, the Reverend Mr Robert Macgregor kindly undertook to transcribe and prepare it for the press. That Gentleman will accept the Bard’s best thanks for the assiduity and ability with which he generously executed this task, as well as for furnishing the excellent Song, “Moladh a Bhaird, le Fear-cinnidh dhà.” [TD 8] The Author is at a loss for words to express his gratitude to his Patron Sir John Macgregor Murray, without whose protection this Work could never have appeared.—Particular attention has been paid to the purity of the style; but the Saxon has encroached so much upon the Celtic, within the last two hundred years, that some Anglicisms may still be discovered by a discerning eye. A long period has now elapsed since Proposals for this Work were first issued: Pecuniary difficulties alone have occasioned the delay; these, the Author, with heart-felt gratitude acknowledges, he has at length been enabled to surmount, and he is now ready to fulfil his engagements to the Subscribers. He regrets, however, that the very uncommon rise on the price of Paper, (which has been more than doubled since the Work was first proposed), has rendered an advance of price unavoidable. [TD 9] CLAR-INNSIDH. Taobh duillaig. ORAN molidh do ’n Ghaelic, 1 do na Fineachan, 19 do Cheann-cinnich Cloinne Ghrigair, an uair a chaidh e an dara uair do Inni- sibh na h-aird an Ear, 28 do ’n Fhreicedan Dubh, 35 Marbh-rann do Fhear In’erard’rain, 41 Oran do Thearlach Grannda, Fear Chinnaird, 48 do Sheumas, Diuchd Adholl, 54 do Ridaire na h-Apun, 58 Marbh-rann do Chailain Caimbail, (Coirechu- mhainn), 63 Oran do ’n Olla Iain Mac Lagain, Tighearna Ghlinne-coaich, 69 do Mhor-fhear Hunntidh, 73 Beatha an Ridaire Mhic Ghrigair, na Ban- Ridaire, agus a Bhrathairean, as na h-Inni sibh ann an aird an Ear, 77 Oran do Cheann-feadhna Adholl, 81 do dh’ Oigh uasal araid ann an Dun-eidin, 86 [TD 10] Taobh duillaig. Oran do Thearlach Grannd, Tighearna Chin- naird, 92 do Dhuin uasal araidh ann am Baile Naoimh Iain, 97 molidh do ’n Ridaire Mac Ghrigair, agus do a Bhrathairibh, 101 do ’n Eilain Mhuileach, agus do I-Chal- lum-chille, 105 ann an aghaidh na ’m Brèug, 109 do Thearlach Grannd, an uair chaidh e chum an Lagha an agaidh Fear do ’n Tuath aig, 111 do Fhear chaidh dh’ iarruidh Sgadain, 114 do dh’ Fhigheadair araidh, 119 molidh do dh’ Iain-Dubh-Gearr Mac Ghrigair, 124 Tuireadh airson Slios Mìn Raineach, 130 Gaoil, 134 do Dhuin uasal do Chloinn Ghrigair, 138 Rann do Shluagh a thug air falbh Giubhas a cheannaich am Bard, 142 Oran do ’n cheudna, 144 Gaoil, 147 do Mhuillair ann an Srath-Bhreamhuinn, 151 do Mhnaoidh araid, 156 Comhairle a Bhaird do Shioll Ailpain, 159 Oran do Thalair Muilleach, 160 Tuireadh a Bhaird, 164 do Dhuin uasal araid, 169 [TD 11] Taobh duillaig. Oran do ’n t-Shliochd righail Ailpaineach, 172 do Mhor-fhear Bhraighdalbin, 176 Rann do Ghobha araid, 181 Oran do ’n Ghobha cheudna, 182 do Mhnaoidh uasal araid, 184 do Churaidh araid, 187 Rann air Bratach Chloinne Ghrigair, 190 Cumhadh a Bhaird, 191 Cliu a Bhaird, le Fear leis an toil a Ghaelic, 195 Moladh a Bhaird, le Fear Cinnich dha, 196 Cumhadh airson Duin uasal thuit ’s an Olaint, 203 Oran do dh’ Alastair Shathach, agus do a Lean- nan, 207 do dhuin uasal ann an Shireachd Pheairt, 211 do ’n cheudna, 214 do Mhac Ionmhuinn an Tratha, air sheol ùr, 217 do dh’ Fhear Ruadh-shruth, air mutha seoil, 221 Rann rinn am Bard aig faicinn Talla Sheumais Mhic Phearsain, 225 [TD 12] [Blank] [TD 13] ORAIN GHAELACH. ORAN I. MOLADH NA GAELIC. I. BEIR an t-soruidh so uam, Do bhaile nam buadh, Fo sgèith Uisge Chluaidh, Far am faca mi’n sluagh, Air nach luidheadh a ghruaim; Be ’n aoibhneas, ’s bu dual, Piob na caismeachd ’s mor fuaim, G’ an cruinneachadh suas còladh. G’ an cruinneachadh, &c. II. ’S e Glaschu nam bùthean, A ghabhas an cùinneadh, Ann ’s am faighear an cùnnradh, ’S gach cleachdadh is uirè, Thig a nàll as gach lùchairt, ’Ga aiseag le muirnè, A lionas gach suil fheöla. A lionas, &c. [TD 14] III. Tha iad fìrinneach ceart, Ann na ’n inntinn ’s na ’n cleachd’; Cha’n eil cùl-chaint na’m measg, No droch dhùrachd do neach; ’S mur mùth iad am beachd, Bha iad umhal do reachd Dheorsa. Bha iad umhal, &c. IV. Thoir beannachd uam fèin, Do ’n Chenedeach thrèun, Fear ealanta geur; Thig a Ghaelic ’o bhèul Mar bha i san Fhèinn; Ann an ranntachd cha ghèil ’E do ’n bhard bha sa Ghrèig, Ris an canadh iad fein Homer. Ris an canadh, &c. V. Tha Ghaelic co luachmhor, ’S nach cuir sinn i suarach: Co nach seasmhadh ri guallainn? ’S i tha ’n còradh nan uaislean, Ga labhairt gu ’n truailleadh, Feadh gach àit’ ann ’s an gluais iad, Gu caithreamach, cruaidh, ceolmhor. Gu caithreamach, &c. [TD 15] VI. Ge d’ chaidh a saruch’ ’na triall, Cha do chaill i a miagh; Tha i fallain ’o chian, Gun ghalar, gun ghiamh, Buan, farumach, dian, Gun alladh, gun fhiamh, Ann ’s gach talamh a dh’ iarr eolas. Ann ’s gach talamh, &c. VII. Cha ghèill i do ’n Eubhra, Do ’n Fhraingis no Ghreigis, Do Laidin no Bheurla, No do chaint fo no speuran: Na ’n tarladh i ’n èigin, ’S math a ghearradh nam bèum i, Thoirt caraid ’o bheul doruinn. Thoirt caraid, &c. VIII. ’S i bh’ aig Adhamh ’sa ghàradh; ’S i bh’ aig Eubha ga thàladh, Gus ’n do mheal i gu bàs è, ’N uair dhith e meas àluinn, Chaidh a thoirmeasg dha fhagail, ’S e dhàg sinnè na ’r traillean, Ach fhuair sinn ar slanuch’, is dochas. Ach thuair, &c. [TD 16] IX. ’N uair chaidh an saoghal a bhàthadh, Chaidh a Ghaelic a thearnadh: ’S i bh’ aig Noa ’s an àircè, ’S aig gach curaidh a dhàs uaidh. Thuair i ’n t-urram gu cràbhadh, ’S cha mheas’ i gu dànachd: ’S tha i milis a ghabhail orain. ’S tha i, &c. X. ’S i bh’ aig Treunmor, an toiseach, A thog cìs ’o Righ Lochluinn; Aig Fionn is aig Toscar, Aig Cuchullin ’s aig Oscar, ’S aig Caoilte nan cos-luath, A’ siubhal aonach, is shlochd, is mhor-bheann. Siubhal aonach, &c. XI. ’S i bh’ aig Conan ’s aig Diarmid, Aig Du’chomair ’s aig Diaran: Bha i uil’ aig na Fionnaibh, ’Nam togail gu fiadhach, No chasgadh an iötadh, Do fhuil an naimhdean, ’s an dian thòrachd. Do fhuil, &c. XII. ’S na ’n deigh uille bha Oissian, Le deuraibh ’s le osnaidh, [TD 17] Aig ìnse a dhochuinn, Gus ’n do dhàll air a rosgaibh, ’S e leòn is a lot è, ’S chuir daonnan fuidh sprochd è, Bhi ga ’n dìbhail, ’s e bochd, brònach, Bhi gan dìbhail, &c. XIII. Bi a Ghaelic chruaidh blasta, Bh’ aig Coinneach* an gaisgeach, A cumail a cheartais, ’S a bualadh nam feachd-fhear; A ruagadh ’s a sgapadh, Nam Piocach, bha sgaiteach; Cha ro’ h-aon diu ri fhaicinn, A ghluaiseadh air faiché. Dhiol e athair, Righ Alpain, ’S cha ni ’n luaidh’ a bha aca, Ach na sleagheanna glasa na ’m feöil. Ach na sleagheanna, &c. XIV. ’S i Ghaelic gun seachnadh, Bh ’aig Uilleam† ’s aig Raibeart‡, Fhuair an t-urram ’s na feachaibh Dhion Alba, ’sa sheasamh, ’S Righ Shassan ga ’r creachadh; Ma leubhas sibh ’n eachdraidh, Gu ’n eisd sibh ri teachd’reachd mo bheöil. Gu ’n eisd sibh, &c. * KENNETH MACALPIN. † WALLACE. ‡ BRUCE. [TD 18] XV. Co thairgeadh dhi mi-mhodh, ’S nach cumadh am miagh i? ’S gur i Ghaelic bha sgriobhtè, Air na clachanna crichè, An ’s gach ionad do ’n righeachd; Ge d’ bha i fuidh mhi-ghean, Tha i nise a’ direadh, ’S gu ’m mair i gu dìlinn, Mar bha i ’s na linibh ’o thùs. Mar bha i, &c. XVI. Guidheam buaidh le luchd furain, Na mor-uaislean, tha ’n Lundhuinn; G’ a co’nadh bha ullamh, ’N uair bha i fo dhubhar, Ann an gàbhadh ri cumha: Ach ’s an tra so tha buidhinn Air gach canan sa chruitheachd; Deas-labhrach gu bruitheann, Teas-ghradhach ’n am suidhe mu ’n chlàr. Teas-gradhach, &c. XVII. Co bheireadh beum dhith, Ann am baille Dhun-eidin, Gun dioladh da reir sud? ’S i cuimeir na h-èididh, Ann am breacan an fhèileadh, [TD 19] ’S osain ghearr am broig eatrom, A dhireadh na ’n sleibhtean, ’S na ’n garbh-bheann, ’n uair dh’ eireadh an ceö. ’S na ’n garb-bheann, &c. XVIII. ’S e Glaschu a b’ urrainn, Gun truailleadh a cumail; ’N sin tha aireamh a Muile, ’S as na braidheanna Lurach, A fhuair ’s gach àite an t-urram: Cha bhi ’Ghaelic an cunnart, ’S cha bhasuich i tuillè, ’S na h-armuinn ud uillè, Ga h-arach, ’s ga sìr-chumail beo. Ga h-arruch, &c. ORAN II. NA FINEACHAN GAELACH. I. EIRIBH suas ann san am so, Gach ceannard tha fo ’n chrùn; Cumaibh thàll na Frangich, Na leigibh ’m feasd a nàll iad; Ge d’ robh sibh ann an teanndachd, Na tionndaibh ’ur cùl, Gun an coisinn sibh lan-bhuaidh, ’S am faigh sibh duais is cliù. [TD 20] II. Gleidhibh taobh na fàirgè, Is earbaibh ris an t-fùil: Bibh tric gu clis gar dearbhadh fein, Nach tig iad ann an anamoich oirbh, Gus an ruig na sealgairean, ’O gharbh-bheantan nan stùc: ’S iad na Cinnich, as gach ionad, A philleas iad gu dlù’, III. Eiridh ’m Mor-fhear Boideach Le chinneach, mor san strì, Bha tri cheud bliadhna ’s còr mor, A riaghladh, mar bu choir dhoibh; Ach thainig nise oirne Na dh’ fhogair iad o’n rìgh’chd, ’S tha ’n Cinneach sin fo Dheors’ Ann am moralachd ’s an spèis, IV. Eiridh Ceann nan Gordanach, Le dheöin, ’s gur mor a bhrìgh; ’N uair thig a dhaoine co’ladh, Co sgaoileadh iad le dochas? An t-èun tha sgiathach-oirdheirc, ’S ro-mhor an suilibh ’n Righ, ’N tra thig an Coileach as an doiré, Goiridh e le shuinn. [TD 21] V. Eiridh ’n curaidh flathail sin, ’S fir Adhoill leis gu dlù; ’S lionmhor àit’ am faighear iad, Am braidheanna ’s an sratheanna; Bidh dhaoine mor sa cheathairne’, Gun mheathadh air a chùl, Leis a bhrataich choisin buaidh, ’S is tric a thuair i cliù. VI. Mac Chaillean, le siol Dhiarmaid, O’n aird an iar anuas; Gu smachdail, neartmhor, lionmhor, Gu reachdmhor, feachdmhor, fiachail, Gu seasmhach, seirceil, ciallach, ’S gach gniomh ’n do chuir iad dùil; ’S air feadh gach lìnne bh’ againn riamh, Bu dionach iad do ’n chrùn. VII. Mar sin is Mor-fhear Bhealaich, ’S gach caraid tha dha dlu; Bidh Glean-liomhunn tairis da, Air ceann a dhaoine barruichte; ’S cha mhealladh Glean-na-fallach è, Am faillein tha dha dlu. Loch-a-dochairt, ’s Ach-a-loinne, Co bu mhoille dhiubh? [TD 22] VIII. Eiridh Clanna Ghrigair, ’S bigh ’n Ridaire air tùs; ’N t-shean dream righail mhisneachail, Chruaidh, bhras-bhuilleach, ’n tra thigeadh iad, Le’n lanna geura, tri-chlaiseach, Chinn-aisnich, shlios-ghlain, chùil: ’S tric a ghabh iad mireadh-chatha, ’S b’ ann d’ an aidhear smùid. IX. ’S nan taic’ an laoghach trèunmhor, ’Sa Ghraindaich fein r’a chùl; Bu cheannsaleach na Spèich, ’S gach àm ’n do chuirte feum orra; Gu h-anamadail, cruaidh, sgèithach; ’N an èidith bhalla-bhreac ùr; ’S o’n bu bhraithrean sibh ’o chian, Na treigibh chèil’ ni ’s mù. X. Mac Ionmhuinn, ’s Mac an Abadh, ’S cian ’s gur fad a bha sibh ’m mùirn: Gu teö-chridheach, dian, tairiseach; ’S anis na treigibh carthanachd, Sibh siol nan Righrean Ailpaineach, ’S be ’n ceartas riamh an rùn: Leubhaibh ’n eachdraidh, ’s chi sibh ann, An ceangall teann o’n tùs. [TD 23] XI. ’N àm dusgadh do Chloinn Do’nuill, Gu ’m biodh a cho’ail searbh, ’N uair thogta fearg nan seod ud, Co cheannsuicheadh na connsbuill? ’N luchd leanmhuinn bhi ga ’n co’nadh, ’N àm dhoibh toiseach garg: Leomhan, bradan, ’s long fo siùïl, Ga seoladh le laimh dhearg. XII. Eiridh Tighearna Shrùthainn, ’O ’n ghiusaich nach eil gànn; Is Tighearna Leöid co-ùmhlaidh, ’S Clann Donachaidh dian r’ an cul-thaobh, Gu las’rach, luaitheach, dlu-chleasach, Gun aon’ dhìth-lùth’s, no fànn; ’Siubhal bheann, is ghleann, is stùc, ’S be ’n duchas a bhi ánn. XIII. Mac Leöid thig ’o Dhun-bheagain, Leis na fuinn nach sheasmhadh thall; Mar thairneanach le dheal-theinich, No ioma-ghaoth fhuar, luath, chabhagach: Be ’m miann bhi dortadh fala’, Gu cabhagach, ’s gun bhaigh; ’G earradh lamh, is cheann, is chluas, ’S a feuchainn smuais nan cnàmh. [TD 24] XIV. Mac Coinnich, mar a b’ abhaist, ’S na h armuinn ga ’m bheil iùl, Leis a bhratach Shàïleach, A rachadh sios ’s na blàraibh, A bhuadh’nicheadh an àrach, A cuir nan nàmh nan smùr; Ga ’m bu shuaichneas ceann an fhèidh, Nach gèilleadh do gach cù. XV. Cluanidh ’s Clanna Phearsain, Air ’m bu shuarach beachd nach b’ fhiù, ’Bha buadhar ann ’s na feachdanna, ’S gach àite riamh ’n do sheasamh iad, Bu chruadalach na gleachdairean, ’S ro dheas a dheanamh iùïl. Dheagh Mhic Mhuirich Mhòir na brataich, Cha bu tais do ghnùis. XVI. Bidh Clann an Tòisich laimh riu’, Gu dana ann sa chùis; Ullamh, eallamh lamhacha Nan lann nach meirg dhith gnathacha: Na Catanich, cha tàmh dhoibh, Cha neil dhiu’ fear nach fiù; ’S ’o n’ tha sibh uile ’n ionnsuidh chait, Gleidhibh è na’r triùr. [TD 25] XVII. Loch-Iall le Clanna Chamaroin, Cha bu chearbach iad na ’s mò; ’S fhad ’o n’ chualas ainm orra, ’S bu ro-mhaith ’m blàr na Learga iad, Dh’ fhag Lochlannaich na’m marbhanaich, ’S bu shearbh iad a cuir riù; ’N deaghaidh ’n tional le crois-tàire, B’ àlleadh ’n seallah sùl. XVIII. Na Meinaneach ’s na h Apunnich Na laisgairean nach diùlt: Mar lasair-chath na gaisgich ud, Le geal is dearg ’s a bhràtich ac’; Bu trom-bhuilleach, cruaidh, sgaiteach iad, ’S gach cár a chuir iad dhiù’: Ni fir dhireach an t-Slios-Mhìne Seasamh dian re ’n cùl, XIX. ’N Cinneach laidair Frisealach, Gu claidheach, criosach, ùr; As an Airda thigeadh iad, Gu cuilbhaireach, geur-bhiodagach; ’N Srath Haragaig cha mhiosa iad, ’S Mac Shimidh air an tùs, ’S ’o ’n da shlios do Locha Niss, Na fir tha clis, ’s nach lùb. [TD 26] XX. Mac Ghilleöin Dhuairt, ’S Locha-Buidhe, cha be ’n diù’; Torluisg, is Fear na Sgurra, —Eachunn Raodail, ’s deas an duine e: Bidh Mor-Bheinnich is Muilich, Air gach tulaich le ’n luchd ciùil; Fear nan Druimeanan, ’s Ceann-loch-aluinn, Is aireamh dh’ fhag mi dhiù’. XXI. Ach com an leiginn dearmad air Clann Fhearais nan garbh thùrn; Sliochd a cheud Righ Albanaich, A chum air còir ’s na garbh-chriochan: Mar leomhain chalma gharga iad, ’N uair dh’ fhalbhadh iad le sùrd: Clogaid, sleagh, is lurach-mhaulleach, Sud bha ac’ ’o thùs. XXII. Na ’m biodh agam uinè, ’Am chliùsa bhiodh gach Clànn; Cuimaneach nan lùth-chleas, Mac Artair, is Mac Dhughaill, Mac Pharlain thig le durachd, ’S Mac Lachlain dlù ’s an àm; Is Mac Alastair nan Lùb, ’S Mac Neachduinn Dun-da-ràmh. [TD 27] XXIII. Clann an t-Shaòir, ’s Clann Laomuinn, Gu ’m b’ aobhach leo bhi ann; Clann Uarig cha dean caochladh, ’S na Foirbaisich cha ’n aomadh; Clann Lamhruinn bidh ’s a chaonaig, Is daoin iad thig le srann, Agus Sisalich Srath-Ghlais, Gu h-ullamh bras na ’n ceann. XXIV. Thig Suth’rlanich gun fheall annt’, Is sànt a chath na ’n gnùis; Mac Caöidh, is Mac na Ceairde, A Gollaibh, ’s cha bu chearr iad; Ni Rothaich ’s Rosaich tarr’ amach, Agam annta tha mòr dhùil; ’S Clann Fhionladh a Braigh-Bhar, ’S cha b’ iad bu tàire dhiù’. XXV. Ni Gràmaich naimhdean’ theannachadh, ’S an lannadh as gu dlù; Bidh Codhannich, is Cannanich, Gan cuairteachadh gu h-ealamh deas, ’S mar ruaigeas coin na sionnachaibh, Theid Frangaich aiseag nùnn: Bidh Dughlasich, is Scottich threun, Gan cuir ’o fheum ’s ’o lùs. [TD 28] XXVI. Na ’n cruinnicheadh Clann nan Gael, Mar bàill leam ann san àm; Na dh’ ainamich mi san tra so, Do na gàllain tha neo-sgathach, Sin bheireadh ’mach buaidh-larach, ’O n’ bhiodh an aireamh ann. ’S is lionmhor closach namhaid ’San àraich bhiodh gun cheann. ORAN III. DO CHEAN-CINNIDH CLOINN GHRIGAIR, AN UAIR A CHAIDH E AN DARA UAIR DO INNISIBH NA H-AIRD AN EAR. I. GUIDHEAM buaidh leis an t-seod sin, A sheol uainn air astar; ’S è theachd ghachidh ’n làn shòlas, Tha mi ’n dochas a thachairt: Fear na misniche moirè, Nach bu choir a bhi gealtach; Deagh Mhac Eoghain Mhic Iain, Ceann-Cinnidh shiol Ailpain. II. Ceann na cèill is a ghliocais; ’S geur, fiosrach ’n a bheachd è; Ceann aoidhean is fheumach, ’S e dh’ èisdeadh re ’n acain; [TD 29] Ceann toiseich nan treun-fhear, ’N uair a dh’ eireadh a ghaisgeich, Le ’n cuilbheiribh dù-ghorm, Is lùth-choin bhiodh aca. III. Eiridh ’ghrian air na beantaibh, Air gach gleann agus coiré; ’S bidh ’cheathairne ’s uaislean, Ga ’n cuairteach’, ’s ga ’n tathaich; Ge d’ bha iad fo ghruaman, Ioma uair agus latha; ’Sgaoil nise an ceo dhiubh, ’S bidh daimh chrocach re fhaighail. IV. Be an aidhear am fiadheach, Bhi ga iarruidh, ’s ga ghleidheadh; Coileach dubh agus liath-chearc, Mar sin is iasgan na h-amhunn; Mar re gèarr nan car fiara,— Cha bhiodh miann air am mnaibh, Le cridheacha fialuidh, Ga ’n riarach, gu caitheamh. V. ’N uair a ghairmeadh è co’ladh, Na sheoid, air a bruthach, Le bhrataich ùr, uäinè, Be a shuaicheanas gìubhas: [TD 30] Crann snaighte gun fhiaradh, Air iarrtas ga chumail, Le deagh Mhac Mhuirich nam buadh, A sheasadh suas ann ’s gach cunnthart. VI. ’N àm leanachd nan ruag dhoibh, ’S a bhualadh nam buillean, Leis na tri-chlaisich chuilè, Be sud an duchas,’s an urram; ’N deigh an taghadh, gan giulan, Dhiu’ gun eagal air duinè, Ghearradh chnamh agus smuais, Cheann is chluasan, gu ’m muineal. VII. B’ e fearas-bhogha nan laoghach, Co nach saoileadh?—cha cheisd e, Bhi gearradh le faobhar, Gun aomadh, gun teicheadh, Gun philleadh, gun tionndadh, Le anntlachd no eagal; Ach cuir shaighdean an crann iad, ’S cha bu chàm iad chum beachdach’. VIII. Ge d’ bu lionmhor na Picaich, Mar eoin iteach, no gaineamh, Cha do chaill iad am misneach, Ge d’ bu tric chaidh an caradh; [TD 31] Cha d’ fhag dhiubh fuigheall no iarmad, Chuireadh siol ann ’s an talamh; Leubhibh eachdraidh na righeachd, ’S bidh sibh cinnteach na ’r barrail. IX. ’N dream dhionach, neo-chealgach, Neo-chearbach, gun doille: ’S cian ’s gur fad chaidh an seanachas, Gun d’ dhearbh iad bhi soillair. Cha b’ òr is cha b’ airgead A cheannachadh an comas, Ga ’m buineadh Riochd’ Alba, Co cheal’chadh a chomain? X. Ge d’ rinn naimhdean an dìchioll, Chum an dìteadh ’s am milleadh, Le falachd is mi-run, Cliu do ’n Ti thog iad rithist, Gur sliochd iad da rireamh, Do na Riribh a dh’ imich, Tha nan cadal, ’s nan sìneadh, Ann an I-Chalum-chìllé. XI. Gach meur a rinn sgaoiladh, ’O ’n chraoibh a bha torail; Bho cheann tamuil air faondradh; Mar chaorich air ainall; [TD 32] So an t-àm ann s’ am feud sibh Bhi ’g aomadh na carruibh, ’S tlús a ghabhail fo ’gèigibh, ’O na gheidheagh i faillain. XII. Doibh a bhuineadh Gleannfreatha, ’S criocha leathan re ’n aireamh; Gleannurcha, ’s Gleanlocha, ’S bu mhath an còir air Braighdalbainn; Seadh, ’m Bealach nan laogh bhreac, Bha na laoghaich ga ’n àrach; Bha Rainneach ’s Gleannliomhunn Fo chìs aig na h-armuinn. XIII. Na saoilibh gur breugan Tha sibh ’g eisdeachd ’s an tra so, Bheir mi dearbhadh air chinntè, Air gach ni tha mi ’g ràth’ ruibh: —Le labhairt ’o ’n fhirinn, Chaidh Siol nan Righrean a shàruch’, Le casaid luchd cùl-bhèum, Nach b’ fhiu iad bhi ’n aireamh. XIV. Och! An ioghna leibh m-osnadh, ’S gur goirt leam an càramh? Theid mi nise ’Ghleanndochairt; Tha ’m fochair nan ard-bheann, [TD 33] ’S do Choirecheathaich nam fiadhan, Far ’m bu mhiann leo bhi ’g àbhachd; ’S do Ladhuirne Iochdrach, Mu’n ciosaichear m’ ardan. XV. Is a sin do Dhun-Stainnis, Far nach fhaigh mi nis’ aoibhneas, Mar bha aig na Righrean, Tha nan sineadh ’s an rei’lain: ’S do In’erearragain mo ghaoil, Aig taobh Lochacreirain: ’S do Gleann àrach’ nan laogh, Nan damh, ’s na maoiseach, le cheilè. XVI. Ge do chaill iad an duchas, Biodh an rùn is an gealladh, Dhasan ghabh iad gu caomhal, ’S a ghiulan an eallach; Mac an Athar nach lùbadh, Le cùis nach biodh rathail, Is nach fhaca le shuillibh, Neach a dhiulteadh le claitheamh. XVII. Ge do chuirte san ùir è, ’N deaghidh dùnadh a laithean, Gun d’ fhag è na fiùrain A dh’ fhas gu fiughantach flathail, [TD 34] Choisin urrum ’o ’n dùthaich, Le ’n sùrd chum nan cathan; Cha ’n fhac an namhaid an cùl-thaobh, ’S cha be ’n dùchas a leithid. XVIII. Mo bheannachd le Sheoinaid, Mathair oirdheirc nan Treun-fhear, A dh’ àraich ’o ’n oig’ iad, Ann ’s gach eolas is oilean: ’S càr i Mhor-fhear Chloinn Do’nuill, ’S do cho’lannaibh eille’; ’N Duntuilm bha a conuidh, ’S i dh’ fhuill mhor Righ nan Eilain. XIX. Be fhaicinn na dhuthaich, A dh’ uraicheadh aoibhneas, Le a Chèilidh ghlan shuaircè, Nighean Ruaridh nan steud-each: ’S ioma sruth do fhuill uasal, Innt’ tha gluasadh gun teagamh; Com an ceilinn re ’m bheo i, ’S i Shiol Leöid th’ an Dun-bheagain? XX. Lion an t-shlìc’, is na doirt i, Giulain co’nard, ’s na brist i, ’S an so cuir am chòir i, O ’s deoin leam gun tig i! [TD 35] ’S ge d’ bhiodh innt’ uisgè nam mor-bheann, Cha fòr’inn e idir, ’S do dheoch slainnte gun òl’inn, Dheagh Mhic Eoghain Mhic Iain. ORAN IV. DO ’N FHREICEADAN DUBH. I. Co nach cuireadh ceud failte, Air an Fhreiceadan Ghaelach, Bha car tamuil ’o ’n àite, Th’ air teachd dachigh d’ an àros; A fhuair a bhuaidh-larach, ’S ard-urrum ’s na blàribh, Le faobhar cruaidh, sgaiteach, geur, gorm? Le faobhar, &c. II. ’S e ’ar beatha do dh’ Alba, ’S cian ’s gur fad ’o na dh’ fhalbh sibh, Na fir fhiughantach chalma, Nach robh gealtach no cearbach: Chaidh gu minic a dhearbhadh, Làn árdain is searbhas,— ’N uair a dheireadh an fhearg oirbh, Co bheireadh an colg as ’ur sròin? Co bheireadh, &c. [TD 36] III. Ge do fhuair sibh ’ur leonadh, Ann am blàr Fontenòi, Le luaith bhi ga sealadh, Na ’r broilleach an conuidh, Cha do chàill sibh ’ur dochas; Ach le cricheachibh mordha, Chaidh air adhart gu deonach, Gun ghiorag a doruinn.— B’ fhad a chiteadh an ceo sin, Bha direadh ’s na neöil uaibh, Le firinn, ’n uair thoisich an strì. Le firinn, &c. IV. ’S e ’ur Ceannard macanta meamneach, Nach do chaill ruibh a sheanachas, ’N àm dhuibh toiseach le aineas, Bhiodh naimhdean gan cosgradh mar mheanbh-spreigh; ’S cinn gan sgaolta gu ’n eanachuinn, Le neart ghairdean an cheannabheart’; ’S fhad bhios cuimhne aig Frangaich, Mar a dh’ aom sibh nan ionnsuidh, Ge do shaoil iad gu ’n tionndadh’ sibh leo. Ge do shaoil, &c. V. A mhisneach ’s an cruadal A ghlac sibh san uair ud, [TD 37] Gun do lean iad gu buan ruibh, Ann ’s gach ionad do ’n ghluais sibh;— ’N uair a dh’ eireadh an tuasaid, Bhiodh ’ur naimhdean ga ’n luaithreadh, ’Gun cheann, no gun chluasan, Càll am fala m’ an cuairt doibh, Gun an Ceannard re ’n gualainn, B’ e teicheadh am buannachd, Mar an sionnach ga ruagadh, ’S cha b’ e seasamh, ga ’m bualadh gu dì’. ’S cha be, &c. VI. ’N uair chaidh sibh thar chuantan, Do dh’ America Thuathach, Ge d’ bu lionmhor luchd fuatha, Ag iadha’ mu ’n cuairt duibh, ’N uair thairneadh gach cruaidh-fhear, A chlaidheamh ’o chruachain, B’ aobhar eagail is truaighe, Dhoibh teachd chum ’ur buaireadh.— Bha fir Bhuidhe le ’n tuaghibh, ’S fir Dhubha bha gruamach, Mar chaoirich ga ’n cuairteach’, A coilltean ’s a bruachibh, Ga ’n ceangal gun fhuasgladh, ’S iad mar bhuar ann am buaile fo chìs. ’S iad mar, &c, [TD 38] VII. ’S an ag Tecanteroga, A fhuair sibh a chòail, ’S a bhuail sibh sa chòraig, ’S cha d’ fhuair sibh an cònadh, Ach sa chath sibh nar ’n ònar, Air latha na dòruinn, ’Ur fuil chraobhach ga dortadh, ’N a taomaibh le forneart; —Bha cuig ceud agus còr ann, Do na leomhanna mordha, Air aomadh, gun deo ann nan crè. Air aomadh, &c. VIII. Ge do fhuair sibh ’ur sàruch’, Gun do bhuannaich sibh ’n àrach, Le cònadh an Ard-Righ, Bh’ aig Maois ann san Fhasach: ’S do na dh’ fhuraich a lathair, ’S o ’n duais tha gach là ac’, Bhi righail gu bràth ann ’s gach tìr. Bhi righail, &c. IX. Buaidh-larach do ’n bhuidhinn, A lubadh an t-iuär; Mu ’n d’ fhalbh iad air siubhal, ’S e theireamid riutha, Na Saighd’eara Dubha; [TD 39] Na sealgairean subhach, A dhireadh am bruthach, ’S a dheanadh am bruthadh, Le ’n ochd-chliosnich ghlana, Nach diultadh an t-aingeal, ’N uair a thigeadh srad ealamh ’o ’n òrd. ’N uair a thigeadh, &c. X. ’S e ’ur n-aireamh a nise, A dhà is dà fhichead; ’S gach àite do ’n tig sibh, Lan graidh sibh is gliocais; Cha tràillean do ’n mhisg sibh, No geocaich gu itheadh, Ach ro-fhoghluimte, innealta, Oranach, fiosarach, grinn. Oranach, &c. XI. ’N uair a thigeadh a chabhag, Gu ’n eireadh na gallain, Le lannaibh ga ’n tarruing; Bu cheutach an sealladh, ’N a ’m breacanaibh ballach; ’S na h-osanaibh gearra, Mu na calbanaibh geala: Tha brogan nam barr-iäl, Air na luth-chasan ealamh, A shiuladh na bealaich; [TD 40] ’S cha chuireadh du’lach no gaillin, Aon thèus no maill’ air na seoid. Aon thèus, &c. XII. Gur miaghail na h-armuinn, Leis ’m bu mhiann bhi ’san àiridh; Na giomanaich àillidh, A shiubhladh am fàsach, A dhireadh na h-airdean, ’S a dheanadh an làmhach’, Mu chroma nan tràthan; ’S ’n uair philleadh, bhiodh failt ann, ’S gach ceol mar a baill leo, Aig mnathan ’s oidheanna gràdhach: ’S bhiodh fian is sithionn san tra sin, ’N talladh fialuidh nan Gàel; Bhiodh na searraig ga ’n tràghadh, Is na sliceachan làna; ’S e deoch air chuimhne Righ Fionghael, Bhiodh aig na fir mheamneach ga h-òll. Bhiodh aig, &c. XIII. ’S glan ’ur Ceannard, ’s gur seòlta, Leis bu ghnath bhi fa chòraig, Gràmach na misnich, is eolais, ’Seirc, is gliocais, is foghluim: ’S an fo ’sgèith thig sibh còladh, Le bheul ni ’ur cònadh, [TD 41] ’S e chumas ’ur còir ruibh; Caraid faighd’ear an t-ogan; ’S an ’o theaghlach Mhontròs a ta ’n Saoi. ’S an ’o, &c. XIV. O Eachuinn! ’o n’ fhuair thu, A bhratach ghorm bhuadhar, Nach fhacas, ’s nach cualas, Aon namhaid thug uaibh i. —Na bidh ascaoin, no buailteach, Air na treun-fheara stuama, ’S iad a leanadh an ruaig air a druim. ’S iad a leanadh, &o. MARBH-RANN DO FHEAR IN’ERARD’RAIN. I. O GHRIGAIR Mhic Challum, Mhic Ghrigair, Mhic Dhu’ill, ’S i ’n sgèul thanig ùr oirn, A Sassan do ’n duthaich, Dh’ fhag ar cridheachan tùrseach, ’S thug deoir air ar sùilibh, Gun do chuir iad san ùir thu gun deo. Gun do chuir, &c. [TD 42] II. Bn tu sealgair an fhirich Bha thu sealbhar ga shìreadh, Le d’ mhiol-choin ’s le d’ ghillean, ’S tu dheanadh an t-shitheann, ’S tha d’ thigh mor ann am pilleadh, Gheibhte òl, ceòl, is friathal, ’S deocha slainte gan iomairt ga ’r coir. ’S deocha, &c. III. Fhir a shaor sinn ’o reachdan, S ’o gach snaim rinn ar glacadh; A dh’ osgail na glasan, ’S gach lùb a bha ’n tasgaidh; A fhuair eisdeachd do d’ fhacall, Ann an aobhar a cheartais; Cho-dhaingnich gun bhaca, Saorsa Ghrigareach ghasta. —Do chuimhne theid aiseag, Do gach linn a bhios againn san fheöil. Do gach, &c. IV. ’S ioma buaidh bheir an armunn, Nach dean mi aithris ’san tra so; Bha e cinnadail cairdail; Bha e iorasail baighail; [TD 43] Mar Chuchullin bha ardan, Mar Threunmhor bha thàbhachd; Tha gach coire is fasach, Fo dhubhar is sgaile, Gun thu ’g an siubhal’, mar b’ àbhist, a sheoid. Gun thu, &c. V. Ge d’ tha Do’null a làthair, Mar Oisian air fhàgail, An deaghaidh nan sàr-fhear; Cha seasamh e t-àite, Ach mar chloich air a càramh, Ann an ionad nan slàn-ubh. —Do na thainig do ’n àl so, Cha ’n fhaca mi t-àicheadh, O Fhir In’erard’rain! Is cràiteach do chardean a d’ dhèidh. Is cràiteach, &c. VI. ’N uair chaidh ’m Freicadan Gaëlach, A thogail an àirde, ’S an taghadh ’s gach àite, As gach duthaich ’san d’ fhas iad, Fhuair thu ’n turram air àilleachd, ’O d’ mhullach gu d’ shailibh; Bu mhac samhuil thar chach thu, Do ’n mhac bh’ aig Righ Daibhi. Mo chreach-lèir thu ga d’ charamh fo ’n fhoid! Mo chreach-lèir, &c. [TD 44] VII. Mar dhearbh air an fhirinn, ’N uair chunnic an Righ thu, Bu mhor a thoil-inntinn, Do leithid a chinntinn, Ann an oisinn d’ a righeachd. Thug e Shasan an sith thu; —Ach fir eile nach striochdadh, Chaidh aireamh dhiu’ bhìneadh le mòd. Chaidh, &c. VIII. Ach nam bu naimhdean gun tiomadh, Dheanadh thusa a mhilleadh; Ga d’ dhioladh cha firinn, Ach na thanig do d’ Chinneach, Na Cinn-iùil’ threun nach pilleadh, Le h-eagal no giorag; Be an duchas ’san iomairt, Bhi fagail leontè, ’s gach ionad, na naimh. Bhi fagail, &c. IX. Gu ’n èireadh gu dàna, Leat Tighearna Lanric, Ceann-Cinnidh nan armunn, E fein ’s a thriuir Bhrath’rean, ’S na ceudan d’ a chairdean, [TD 45] Thuair an t-urram ’s na blàribh; Bha sud agaibh gun àicheadh, O linn Fhearàis gu là Ghlinnefreòin, ’O linn, &c. X. O! dh’ eireadh gu luath leat, Na suinn a Tigh Ruadh-shruth, Na fir uramach uasal, Ge d’ tha ’n Ceannard gun luaidh air, G’ am buineadh an cruadal, Ann ’s gach àit’ an do ghluais iad; Piob is bratach ùr uaine, Ga giulan gu buadhar, Le Mac Mhuirich, ’s be dhualchas, Bhi seasamh re ’n gualainn san strì, Bhi seasamh, &c. XI. Cha bu cheisd e re fhaoineachd, Nach eireadh ’n deagh-shaighd’ear, Fear mor Ghlinnegoill è; A siubhal gharbhlach is choiltean, Cha chumadh an oidhch’ è, ’S cha do chum è a shaibhreas, Thoirt do gach dubhach is aoibhneach an ainm. Thoirt do, &c. [TD 46] XII. Dh’ eireadh ’n Ridaire Seumas, ’S a Ghranndaich gu leir leat; Na fir cheansalach threuna, Dheas-lamhach, ’s nach geilleadh, ’N am breacan an fheilè, Le ’n glas-lannaibh geura; Tha dà thaobh Uisge Spè dhiu’; ’S iad bheireadh na ceudan so chìs. ’S iad, &c. XIII. As an Eilean Sgiath-èunach, Thig an curaidh deas dèunta; E fein ’s a luchd leanmhuinn; ’S è Mac Ionmhuinn is ainm dha, Ro-ullamh chum mharbhadh, Is chosgradh naimhdean mar mheanbh-spreidh, Asad dheanain lan earbsa a Sheòid. Asad dheanain, &c. XIV. Gun tigeadh gun fhuireach, An Ridaire guineach, Deagh Sheumas Cochunna; ’S Mac Cuaire a Muille, Gribhich, Greigich, is Gunich, Sruilich, ’s Màlàchich cha chumadh, Mac Aula, is tuillé, Rinn sgaoil’ ’o chraoibh dhuilleach na ’m meöir. Rinn sgaoil’, &c. [TD 47] XV. Mac an Leisdair ’s a bhuidhinn, Le ’n camanna iuäir, Chuireadh saighdean nan siubhal, A dheanadh am bruthadh: Bhiodh am feur air a thuthadh, Le creuchdan a sruthadh, Nach caisg lèigh, ’s nach bi tuille nam beo. Nach caisg, &c. XVI. Gun eireadh gu macant’, An Ridaire smachdail, Mac Ghrigair an Laig leat; E fein ’s a chuid gaisgeach, Bu cheutach am faicean, Dol sios an san fheachda, ’S nach pilleadh le gealtachd anios. ’S nach pilleadh, &c. XVII. Gun eireadh an leomhan, Mor-fhear an t-Srathmhoir leat; Mor-fhear Ghlamais le eolas, Thig mar-ris ga chònadh; ’N uair dh’ eireadh na feoid ud, Co bheireadh dhoibh còail gun strì? Co bheireadh, &c. [TD 48] XVIII. Ach ’o nach daoine thug uainn thu, Com’ am biodh mid fo ghruaman? ’S gu ’n lean sinn gu luath thu; ’S è mo dhurachd mar dhuais dhuit, Thu dh’ eiridh neo-thruaillidh, ’Measg nan treud a bhios buadhar, Air deas-laimh an Uain ann an sìth. Air deas-laimh, &c. ORAN V. DO THEARLACH GRANNDA, FEAR CHINNAIRD. I. GUIDHEAM buaidh leat a Thearlaich, Ann ’s gach àite do ’n tèid; Gur oighr’ air Cinnaird thu, A shar Granndaich ’o Spè: Do na leomhain tha calm’ thu, Ro shealbhar am fèum; ’S iad nach gabhadh ri masladh, Siol Ailpain ’o ’n Ghrèig. II. Bu dan do mhac sionnaich, Na ’m baithne dha thù, Do leantuinn na b’ fhaide, ’N uair dh’ aisig sibh dùirn; [TD 49] ’S ’o n’ nach b-urra dha ’n gleachda, A sheasamh gu chùl, ’S è dh’ iarr è dhiot còrag, Ga chònadh do ’n ùir. III. Cha do chaill thu do mhisneach, Ach bha do ghliocas co-mhor, ’S gu ’n d’ àicheadh thu tric e, ’O n’ bristeadh è chòir: Aig innseadh dha chunnthairt, ’S è dh’ fhuireach gu fòill; Gu ’m be b’ fhearr an deoch reitè, Ghrad eigheach’ gu h-òll. IV. Bha fhreagairt co dana, Ann an cainnt nach robh ciùin, ’S am briathran bha sgàthach, Le ardan na ghnùis; Mar glacadh tu achasan, Le cath cruaidh as ùr, Air boidean a bhaiste, Gum bu ghealtaire thù. V. ’N uair nach gabhadh e àicheadh, Gun do narachadh beò; Ga d’ chàineadh ’s gach àite, Ann an t-aradh an t-òg’; [TD 50] Le bagradh bha granail, Gur ’n do sharuich e t-fheòil, ’N sin ghearr thu a lamhainn, ’S cha bu chearr thu a sheòid. VI. ’O n’ bha thu ’o t-oige, Lan eolais is iùil; Rinn thu t-inneal a shonruch’, Mar bu chòir dhuit, le tùr; Claidheamh geur a chinn-aisnich, Mar a chleachd thu ’o thùs, Air aodhairt do ’n chruaidh laidir, Le Ferara gu chùl. VII. Bha sud ort a fhleasgaich, A freasdal do d’ fhèum; Le dà dhaig a bha freag’rach, ’S a sheasmhadh an glèus; Bha thu earbsach ann ’n teine, ’N uair a bheireadh tu ’n cèum; ’S iad ullamh gu dearas, Is nach ceileadh am bèud. VIII. ’S tu raoighnaich re d’ ghualainn, An sàr dhuin uasal deas treun, Mac Thighearna Cholla, ’S è cho toileach riut fhein; [TD 51] Nan tigeadh ort cunnthart, Thairneadh ullamh a’ d’ dheidh, Mac Ghilleathain a Muille, Do ’n dream chruaidh, ghuineach, nach gèill. IX. Gun d’ fhalbh thu gu crithail, Air an t-slighe le fonn, Le làn earbsa thu philleadh, Gun ghiorag a’ d’ chòm. Chum thu chonuibh gun mhearachd, Ris an fhear air an tòm; ’N aird an ear do Dhun-eidin, Is iad le cheill air am bònn. X. Bha ’n t-Eirionnach uaibhreach, Fo luaineas gun tamh; Mar dhuin’ air a bhuaireadh, ’S an uair a bhi ann; ’S an tra dh’ fheuch è a chruadal, Cha robh bhuannachd ach gann; Chaidh an luaith thair do ghualainn, ’S cha do ghluais thu do cheann. XI. Ach bu mhithich dhuit tarruing, ’N uair a dh’ fharich thu ghaoth, ’S na fiachanna dhioladh, ’S an iocadh do d’ thaobh; [TD 52] ’N uair thiondadh thu ghaisgaich, Gu grad air do chaol, Chuir thu ’n t-shaighead bha sgaiteach, Fo ’n choigeamh aisne do ’n laoch. XII. Fhuair e nise na b’ fhiach è, ’S thainig crioch air le h-èug; Cha ghearr e le fhiacaill, ’O n’ chaidh ghialan ’o fhèum; Chaidh e thalamh na di-chuimhn’, ’S cha ’n fhiu ghniomh chuir a’ m’ sgèul; Gach scleo is cainnt dhiamhain, Thainig riamh as a bhèul. XIII. O! ’s aoibhinn an nuadhachd, A fhuair sinn an dè, ’S do gach caraid a chual e, Gun do bhuannaich thu ’n rèis: Cha bu mheag a chuis smuarain, Do uaislean Shrath Spè, Gu ’m faigheadh è buaidh ort, Fear-ruagadh nan trèud. XIV. Bheirinn comhairl’ air nuadhaich, Bhi stuama nam bèus: ’S gun am faicinn an tuasaid, Ach gluasadh gu rèidh: [TD 53] Gun tamailt a thairgse, Do Albanach trèun; ’S iad siol altrum nan garbh-chrioch, A dhearbhadh iad fèin. XV. Mhic an athar a b’ àille, ’N uair a bha è na bheo; Bha a bhuaidhean do-aireamh, Cridhe blàth, farsuing, mòr; Cùl-taice nan Gael, ’N uair bha càch air an tòir; B’ aobhar mulaid d’ a chairdibh, A charamh fo ’n fhoid. XVI. Mu leanas tu àbhaist, Oig aluinn mo rùinn, Gheibh thu urram is failtè, Ann ’s gach àit’ an tèid thù: Theid do cheansalachd arduch’, A Thearlaich ghlain ùir, ’S bidh gach duine an gradh dhuit, ’S cha chaill thu cairdeas a Chrùin. [TD 54] ORAN VI. DO SHEUMAS, DI`UC ADHOLL. I. THA mo smuaintean diomhair, A direadh le meamna’, Mu ’n Mhoireach nach diobradh, ’N a là a luchd leanmhuinn: ’S ’o na labhras mi ’n fhirinn, ’N uair a dh’ innseas mi ’n seanachas, Cait an robh ’s na tri Righ’chdean, Ga ’n striochdadh tu t-ainmean? II. Bu Cheann-feadhna mor treabhach, Diùc Seumas bh’ air Adholl; Nach striochdadh do ’n eucoir, ’S nach geilleadh ’s na cathaibh; Be t-ath-ainm Tullichbhardinn; Co thairneadh riut claidheamh? Bha thu d’ Mhor-fhear Sratharduil, ’S ’o thàll is Srathtatha. III. Bha còir aig t-ainm air Bochuidir, ’S bu leat ìuchraichean Fhaclaind; ’S bha ’n Tigh, leis na h-achaibh, Suas ’o Pheairt tabhairt màil dhuit; [TD 55] Bha Gleannamain ’s Gleannliomhuinn, Fo chìs agad, armuinn, ’S gu Blàr a ghuàile ’s nan gaodhar, Bha t-fhaghaid a tearnadh. IV. Bu tu Ceannard fir-feachdan, ’S a ghleachda nach geilleadh; Mor-fhear Moirreach nan gasd’-thigh, ’S Bhalbhana na Beurla; Bha thu d’ Mhor-fhear an Sassan, ’S do cheartas a reir sud, ’S bu mhath do chòir air Cnocduinne, Far an cinneadh an fheudail. V. Ann an Comhairlibh Uaigneach, Ard Uaislean na Righeachd, Bha thu sheasmhach gun ghluasad, ’S ann am Manna bu Righ thu: Aon do Ridairibh Chluarain, ’S ro luachmhor do ’n tir so: ’S leat ioma ainm eille, Nach leig doille dhomh innseadh. VI. Mhic an Athar nach lubadh, Le bèus nach biodh dunail! A sheasamh le durachd, ’S dh’ fhag an Aonachd thu dubhach; [TD 56] ’S ’o n’ is ni th’ air a dhearbhadh, Gu ’m biodh Alba fo mhulad, Gun d’ fhag thu gach cealgair, ’S gun d’ fhalbh thu e Lundhuinn. VII. ’N àm taghadh nan Uaislean, Cait an cualas no ’m facas, Thu bhi calladh do chruadail? Cha truailleadh tu t-fhacull: Bu lionmhor do bhuaidhean, Sud bha dual dhuit, a ghaisgaich; Mar Righ Saul measg an t-sluaigh thu; Co bhuaileadh ’s an fhaich’ thu? VIII. Bu treun deas am fiuran, ’S bu mhiann sùl e re fhaicinn, Ann an carbad ga ghiulan, Nan feä lùth-eacha glasa; ’S nam tagradh gu ciùin dhuit, B’ e do dhurachd an ceartas, ’S cha bhùineadh iad ni ort, Na bha luchd diùmaidh ann ’n Sassan. IX. ’S fad ’s gur leathan do chriochan, Na ’n iarrteadh an tomhas; Gu ’n gabhadh iad bliadhna, ’S cha deanadh e ’n gnothach; [TD 57] Oir is farsuing gach fasach, ’S gach àiruidh tha d’ mhonadh, Gach srath agus braighe, Gach beinn ard agus core. X. ’S coillteach, badanach, luachrach, Feurach, fuaranach, fallain, Lubach, lurach, na bruachan, Deas is tuath do Uisg’ Gharri: Lusach, seillaineach, sguabach, Gun ghruaim ann an talladh: ’S leat Dunchaillin nam fuar-bheann, Gu Druimuachdair a chabhaidh. XI. Bha do cheathairne umhal, Gun ghiorag no athagh, A tarruing re d’ chùl-thaobh, Ann an ùrach’ a chatha: Leat a dh’ eireadh le durachd, Ioma fiuran gun mheathadh, ’S b’ aobhar eagail is tiomadh, ’N uair dhuisgeadh Fir Adholl. [TD 58] ORAN VII. DO RHIDAIRE NA H-APUN. I. ’S E do bheatha, ’s gur mithich, Thu thighinn gu d’ dhùchas, Dheagh Mhic Sheumais, Mhic Iain, Oighre dligheach na dùth’ch so; Tha t-uaislean ’s do cheathairne, A feathamh le dùrachd, ’N làn earbsa re t-fhaicinn, Sheoid ghaisgail nan lùth-each. II. Tha t-àros ro thaitneach, ’S fo fhasgadh nan siantan; Ma choinneamh na greine, ’N àm eiridh gu sgiamhach. Be sud talladh a phailteas, Far am faighte a bhiatachd; Ann is tric thuair na feumaich, Orra ’n deircè a riarach’. III. Gur ceutach do choille, ’S gach doire ma ’n cuairt dhuit, Gu badanach, dosach, Ar choslas an uaine; [TD 59] Le ’n ard chrainne ghiubhais, Dharach, ’s iubhar re ’n gualain, ’S craobhan eille ’t’ ann tuille, Nach urra mi luaidh dhuibh. IV. Gur binne, ’s gur grinne, No na h-innealtan tàthtè, An ceol loinnearra milis, Mu bhriseadh na faire, Bhios aig eoin nam piob bhlasda, Shiuthlach, ghrad-ghobach, chàileach, A cuir failt’ air a mhadainn, ’S nach caidail an tra ud. V. Bidh ’n uiseag ’s am bru-dhearg, Gu surdail air ghèugaibh, ’S a chobhachag chùilteach, ’S an smudan aig èigheach; Gu ceilaireach, oranach, Orra lòn cha chuir eagal, ’N sud goiridh an smeorach, ’S bidh ’n neonain ’s an dùlach. VI. Cha tig a ghaoth thuathach, Air fuaraid an earraich, Gu baile ’n ard-uasail, —’S e Uaimh àite-calaidh; [TD 60] Gu biolarach, fuaranach, Cluaranach, faillain, Lusach, seillaineach, cuanta, Minneach, uananach, bainneach. VII. Ach ’s mor do ghoireas, a laoich, ’S cha be maorach na mara, Ach daimh agus maoisich, Eoin fhraoich agus thighean; Coileach dubh agus liath-chearc, Air t-iarrtas gum faigheadh, ’S am bradan geal-iteach, A thigeadh a Tathadh. VIII. Seann tealach ga rireamh, A bha fior-ghlic is sonadh, ’O lìnne gu lìnne, Thain am fìor oighr’, ’s cha choimheach; Ceann aoidhean is dhillsean, Ceann na sìth ann ’s gach gnothach; Ceann Cinnidh nam Meinaneach, ’S é tha mi a moladh. IX. Tha do chòir air a sgriobhadh, Gu cinnt air an Apuinn, An tìr aranach, lionach, Bhleathach, ìmach, gun airceas: [TD 61] Ge d’ is farsuing an righeachd, ’S i àit is riomhaich tha ’m aithne; ’S gur leatsa le firinn, Slios Mìn Locha Rainneach. X. ’S fhad ’s gur leathann re aireamh, Gach beinn is àiridh tha d’ mhonadh, ’O bhraigh Ghlinnurcha, Gu cùl Locha Gara; Tha Loch Erachd ’s an Eiginn, A geilleadh do d’ cheartas, Mar sud is Sronchluanidh, A Chruach ’s Coirebhacidh. XI. O ’s ioma fuil uasal, Tha gluasadh an cuislibh, An Ridaire bhuadhair, Ann sa chruadal nach tuisleadh! Bidh Cinn-fheadhna ag iarruidh, ’S a miannach bhi d’ chuideachd; ’S mor do dhàimh re siol Dhiarmaid, ’N aird an iar tha na curaidh. XII. Gur càr thu Mhac Chailain, An gallan neo-sgàthach, ’N uair a thairg Bàn-righ Shassan, Alba fhaicinn na fhàsach, [TD 62] Gun d’ fhalbh è a Lundhuinn, A chuireadh nan Gàel, ’S bha ’n luchairt fo ghiorrag, Gus ’n do phìll iad an t-armunn. XIII. Tagh do chèilidh a teaghlach, Mhor ghreadhnach mar b’ àbhaist; Be sud cleachda nan daoine, Bha daonnan a’ d’ àite, A burra eiridh a t-aobhar, Le faobhar gun fhàlluin, Smachdail, neartmhor, gun aomadh, ’S nach caochail an càirdeas. XIV. Bidh gu fiughantach, fearail, Iular, earailteach, fàilteach; Bidh gu macanta, stuama, Seircail, truacanta, gràdhach; Na bi ardanach, uaibhreach, No luaineach a’ d’ ghnàthach, ’S gu ’n cìnn thu mar luaichair, ’S cha ghrad-bhuailear gu bàs thù. XV. Na tugadh luchd fuadain, Ort bhi luaineach a’ d’ ìnntinn; Ach gluais mar bu dual dhuit, ’S na cum cluas re luchd mì-ruin: [TD 63] Na eisd re casaid a bheartaich, ’S fear na h-airc’ air a dhiobairt; O! ’s fhurast ruigheachd air braighe, A gharaidh, ’s e iosal. XVI. Bhean an tighe bidh ealamh, ’S cuir an t-searrag a làthair; Lion na sligeachean glanna, ’S na cuir thairis dheth àile; ’S gu ’n òll sinn a rithist, Le cridheachan blàtha, Deoch slainte an Rhidair’, ’E thighinn gu àite. MARBH-RANN DO CHAILAIN CAIMBAIL, (COIRECHUMHAINN.) I. Co is urinn a leirsinn, A sgriobhadh no leubhadh, No innseadh le beulaibh, Am bròn tha ma d’ dheibhinn, A Choirechumhainn ’o n’ dh’ èug thu? Tha do Mhathair dheth deurach, ’S t-aon Bhrathair fo euslan, ’O na chual e ’n Lunnuinn an sgèul ud, Nach fhaiceadh e ’n treun-fhear na bheo. Nach fhaiceadh, &c. [TD 64] II. ’N uair chaidh ghairm ann an cabhaig, Dh’ fhag e ’n luchairt gu h-ealamh, Ann an carbad nan seang-each, Srianach, ceann-laidir, srannach, Do dh’ Alba nan deannaibh: ’S ’n uair thain e gu caladh, ’N àite mùirn agus farum, Mar bu ghna bhi fa bhaile, Bha Aodainambuill fo smalan, ’S na uaislean mordha a’ d’ chathramh, Gun an aire air aidhear no ceol. Gun an aire, &c. III. Tha do charaid mor-dileas, Ris an canar Gleannliomhunn, Fo sprochd is lan mi-ghean, Nach robh ioc-shlainnt ann ’n aon ni, Do na thug e do ’n fhirain, ’O n’ ’s è ’m bàs bha ri strì ris, ’S nach geilleadh è dh’ innleachd nam beo. ’S nach geilleadh, &c. IV. ’N uair thog iad an giùlan, Bu chràiteach an ciùran, Bh’ aig mnathan na dùcha, Le cridheachan tùrseach: [TD 65] Do thuath air an rùsgadh, Mar chaoirich gun chùl-taobh, ’O n’ dh’ fhag an ceann-iùil iad; B’ ard-bhreathamh ’s gach ni thu; ’S leis an eucoir cha lùbadh; ’S tu sheasadh le dùrachd sa choir. ’S tu sheasadh, &c. V. ’N taobh ma thuadh do Dhunlòchadh, Do thaisg iad an t-ògan, Re tàicè nam mor-fhear, Ann san ionad bu choir dha; B’ e fhagail na ònar, Na luidheadh gun deò ann, Dh’ fhag a dhillsean gun sòlas, Nach fhaic è ’n còäil nan suinn. Nach fhaic è, &c. VI. Ceann na tuigse ’s na cèille, Na luidhe, ’s nach èirich; Ceann math bhanntrach ìs fhèumach, Nam bochd is dhiol-dèircè, ’S e nach deanadh an treigsin; Ach bheireadh dhoibh èisdeachd, Ann ’s gach ni a bhiodh fèumail; ’S a dheanadh an rèite, Na ’m bitheadh an eucoir sa mhòd. Na ’m bitheadh, &c. [TD 66] VII. Bu Cheannard air cèud thu, ’S air mìle na ’m b-èiginn, ’N uair a rachadh tu d-èididh, Fo bhreacan an fhèile; Bhiodh lann ghorm na gèur-roinn, A chinn-aisnich, chruaidh, bhèumnach, Ann laimh a ghaisgich nach geilleadh; ’S e gun leanadh gu geur air an tòir. ’S e gun leanadh, &c. VIII. Am fiuran fiughantach fiachail, A dh’ fhas gu cumadail ciatach, Gun chromadh gun fhiaradh; A dh’ albh mun do liath è. ’S mor ionndrain ’s na criachan; B’ fhear ceannaich an fhiona, Ge be dh’ òladh, ’s è dhioladh; Bhiodh gach deoch mar bu mhiann leis, Ann an talla na fialachd, ’S a ghillean air iarrtas do ghna. ’S a ghillean, &c. IX. Bu dubhach an aithris, Ann san t-samhradh chaidh thairis, Do d’ luchd daimh agus tathuich, Thu bhidh t-sìneadh gun anail, ’N cobhan cumhann, caol, daingeann; [TD 67] ’S bhidh ga d’ charamh fo ’n talamh, B’ e thruimaich an eallach Air do bhrathair, nach mairionn. —Thu anasdair Bhealaich, ’S ann a chuir iad thu ’m falach sa chìll. ’S ann a chuir, &c. X. Nam b-ann le mi-rùn do namhaid, A bhuaileadh gu bàs thu, Bu lionmhor Guìneach cruaidh ladair, ’S dream eile air laimh leo, Ann an oighreachd do bhrathar, A dh-eireadh neo-sgathach, ’S nach geilleadh ’s na blaraibh; Be ’n eiric a b-fhearr leo, Closaich bhi ga ’n reubadh, ’s fuil blath ga dòrt. Closaich bhi, &c. XI. ’S ann a Tigh Ghlinnefalach, A thigeadh na gallain, A bhuainte ’o ’n fhaillain, Gu cruadalach tairis; Locha-dochart cha mhealladh, ’S è chumadh re ghealladh; ’S Ach-a-loinne a tarruing, Nan deaghaidh le cabhaig; Na meöir urail, dheas, fhallain, ’O ’n chraoidh tha dùinte am Bealach fo dhion’. ’O ’n chraoidh, &c. [TD 68] XII. A aird an iar nam fear fialaidh, Do thigeadh siol Dhiarmaid, Mar sin ’s Mac Iain Ridhaich, ’S Loch-nan-ealadh gun iarruidh, Mac Cailain ’s na ciadan, Do na connsbuill tha miaghail, Lan tart agus iota, Gus an rachadh do dhioladh. —Do ’n Righ bha iad dionach, Ann ’s gach ni a bha ciatach, Cumail riaghailt is siochadh ’s an righeachd. Cumail riaghailt, &c. XIII. Tha Balle Pheairt ann a-d dhèidhsa, ’S do luchd daimh an Dun-èidin, Gun sòlas gun aoibhneas, Mar bhanntrach ga reùbadh, A caoineadh a cèilidh, A bha gradhach ma dhèibhinn, ’S amhuil sin ’s mar a dh’ èirich, Na ’n deanadh e fèum dhoibh, Bhiodh na mìltean ma d’ dhèibhinn fo thoir. Bhiodh na mìltean, &c, XIV. Ge math iad re ’n aireamh, ’S ge ceutach gach àite, [TD 69] Ata ’n srath is am braighe, Gach coille is fàsach, Gach coire is àrd-bheann, ’O Bhaile-nan-geardan, Gu Rudh-ard-luinne ’s an aird-iar. ’S lòm gualainn gun bhrathair, Ge d’ bhitheadh na cairdean na choir. Ge d’ bhitheadh, &c. ORAN VIII. DO ’N OLLA IAIN MAC LAGAIN, TIGHEARNA GHLINN-CÒAICH. I. ’SMITHICH dhomhsa bhi gluasadh, As mo shuain, agus dùsgadh, ’S an t-aiseag a ghabhail gu luath, Gu Lèigh an stuam ’s an t-sugraidh: Ata luachmor ’measg nan uaislean, ’S a bhuaidhean fein ga ghiulan; ’S tric a thug e iad a gàbhadh, Bha gu cràiteach leontè. II. Ceann na cèille, ’s tric a dh’ eirich E gu h-eutrom lùth’or, A leigheas chreuchdan a bha easlan, Bu mhor riamh fheum ’s an dùthaich: [TD 70] Cha ’n eil eucail ann sa chreabhaig, Nach leir leis le ’n sgrùdadh, Is lionmhor beannachd tha fo sgèith, ’S mo bheannachd fein air thùs ann. III. Gur è Olla mor na fialeachd, ’N curaidh fiorghlan sunntach; Gun mhoit, gun mhorchuis, no scleo dhiamhain, ’S bha ’n fhirinn riamh ga shealadh; Tha oilean, eolas, ’s a dheadh-ghniomhan, Cosnadh miagh is cliu dha, ’S e Lèigh ’s foghluimtè ’s na criochaibh, Ge d’ iarrar ’mach gu ’n cùl iad. IV. Cha n-aithne dhomh buaidhean an armuinn, Ge d’ thàr mi gu m’ dhùlan, Fhiosrachadh amach mar b-àill leam, ’S ard dh’ fhas e thar mo chliùsa: Tha e seasmhach, seircail, failteach, Ciallach, cairdail, iùlar, Caomhail, treun-mhor, cridhail, gradhach, Dèircail, àilte, cliùteach. V. Ann na ghnùis cha ’n fhaicear fearg chas: ’S e searbh cha ’n eil na inntinn; Ach gu h-uasal, measail, ainmail, ’S tha sud dearbht’ san tìr so. [TD 71] Sealgair choileach, fheidh, is earb e, Leo dhearg e fraoch is mìn-fheur; Namhaid bhradain air sruth garbh e, Ris dhearbainn gaisg ga rireamh. VI. Ach ’s ioghna leam nach eil e posadh, ’O n’ ’s mor i dhoidh do cheilidh; ’S iom’ oigh’ uasal tha na eolas, Leis ’m bu deoin dhi fein e, ’O n’ ata e measail foghluimt’, ’S oighreachd mhor d’ a reir aig; Is fearail, cuimir, deas an t-ogan, Gu seoltadh theid na eididh. VII. ’N a thigh mor do chluinte ’n ceol, ’N uair chruinneachadh seoid threunn ann; ’S an a ’d thalladh gheibhte ’n lòn, Gun airc’ na choir no eiginn; Deochan righail, ’s fion gu leoir, Ga òll aig ogain chèutach; Na h-ard dhaoin uaisle tric na choir, ’S na mnathan òg’ ga fheuchain. VIII. ’S friathailteach gach àm a choit, ’S ro shoc’rach air an tìr so, Gè d’ aomadh gach aon drochaid, Eadar so ’s Braigh Lìomhunn, [TD 72] Theireadh aon re aon, “Na bidh fo sprochd, ’S a nochd na biodh ort mi-ghean; Ruigidh sinn Aiseag an Ollai, ’S cha mhoille ’n sin, no cìs dhuinn.” IX. An deagh Mhac Lagain a Ladhuirne, ’S cha do chaill e ’n dùchas, Bh’ aig an dream bha cruaidh ’s na feachdan, ’S a sheasmhadh annt’ le ’n dùrachd; ’S iad claidhean cùil a chinn aisnich, Bha ac’ mar chleachd ga ’n giùlan; ’S easan thainig ’o na gaisgaich, ’S è ainm ceart Mac Dhùghail. X. Ach na ’m bithinn air mo shòcair, Orm cha roiseadh cliù dha, Shuidhinn sios gu ciallach foistneach, ’S dha dheanuinn focuill shiubhlach, ’N sin dh’ fhogradhinn uam a bhochduinn, ’S gach dosgainn ata dlùth dhith, ’S dh’ òlainn deoch slainte an Ollai, Ge d’ bheireadh e orr uam. [TD 73] ORAN IX. DO MHOR-FHEAR HUNNTIDH. I. AIR Dhomhsa bhi ’g-amharc uam, Air madainn fhuar do ’n gheamhra, Air Monadh Taisg-thigh Dhun-eidin, Thug me ceum gu tionndadh, Dh’ fhaicinn an Eoin a bha riomhach, A direadh ga ionnsuidh, ’S cuig fichead fear na dheidh, A geilleadh air gach àm dha. II. Shiubhail iad gu h-eatrom luath, ’S cha b’ fhuar leo gaoth nam beanntan; ’S thain an Gràmach le chuid uaislean, Gu stuama nan ionnsuidh; ’S ’o n’ ’s e ’s cleachda do na Gael, Bhi gu cairdail ceanns’lach, Bha èididh-cheann ga ’n toirt gu làr, ’S iad glacadh lamh mar b-annsadh. III. ’S ’n uair shuidh iad mu chlar na fialachd, Gun mhi-thlachd bhi shannt orr’, Be ’m miann a bhidh tabhairt biatachd, ’S cha ’n iadhadh orra cambar; [TD 74] Gach deoch ac’ a chaisgeadh iota, Ach leo ’s e ’m fion a b-annsadh; ’S iad ag òll deoch-slaint’ an Righ, Gun di-chuimhn’ air a Phrionnsadh. IV. ’S ann an sud bha chuiteachd ghradhach, Chiallach, fhailteach, fhaolidh, An Dà fhichead agus a dhà, A dh’ fhuil’neadh bàs mu ’n aomadh; Choisinn an t-urram ann ’s na blàir, ’S nach do chaill an dòchas, ’S a tharruing an lannan sa chaonaig, Ann an aobhar Dheorsa. V. Ach com’ an leiginn di-chuimhn’, air An Ean sin ro-oirdheirc; Ata gu h-iteach, dosach, sgiamhach, ’S mor th’ air fiomh an òir dhiubh? Cha ’n fhaca mi ean co maiseach, ’S cha ’n fhaic mi re ’m bheo e; ’S ann bu choslach e ri gaisgeach, No re Mac Dhiùc Ghòrdain. VI. ’S math thig breacan ann an fheilè, Do dhà-shlait deug do ’n Ogan; Le truscan gearr do ’n dearg is riomhaich’, ’S gorm chodach-cinn gu seòlta; [TD 75] Osain ghearr air calba fior-ghlan, Fo ’n t-shliasaid tha dòäil; ’S brogan le barr-iall ga ’n dùnadh, Air troigh nach lùb am feornain. VII. ’N uair a theid thu a’ d’ làn èididh, Do cheum bidh lùthar cònard: Sealgair choileach, earb, is fheidh thu, ’S is tric a gheill iad còladh. Bidh t-uaislean ann sin a’ d’ dheidh, ’S iad dh’ eireadh leat gu deonach, ’S do ghillean le d’ mhiol-choin air èill, Siubhal shleibhtean ’s mhor-bheann. VIII. Gur miann sùl am fiuran gasda, Re fhaicinn an cò’äil, ’N Tigh-cluiche, no air Sraid Dhun-eidin, Gur lionmhor tè tha ’n toir air; Their gach ban-tighearna re cheile, “Nach ceutach an t-Ogan, Bu mhiann leam bhi ’m luidhe na sgèith, Gus an eireadh ’n lò oirn.” IX. ’N a làn deis ’s an eididh Ghalaich, A bha an t-armunn mòdhar; ’N uair a ghluais e air falbh do Lundhuinn, Bu shubhach an sin a chôdhail; [TD 76] ’N uair chunnaic a Bhan-righ’n an Gael, Chuir i failtè mhòr air; ’S bu mhiann le ’n truscan a bha air, A charamh air Righ Deorsa. X. Tha ’n fhuil righail, bhuadhar, bheachdail, Luachmor, reachdmor, mhordha, A gluasadh gu brais ann a’ d’ chuislibh, Mar shruth i ’o na connsbuinn; ’S ’o nighean Righ Seumas a h-Aon, Na smaonaichibh gur scleo e; Bha tè leis poisd aig Righ na Fraing, ’S tè eil’ aig Ceann gach Gordain. XI. Chualadh sinn mar fhirinn bhuan, ’S gach tìr ma ’n cuaìrt o sheann sluagh, Gach aon bha dhiubh bhi neartmhor cruaidh, ’N uair ghluaiseadh iad le cambar; ’S ’n uair ghoireadh Coileach an Taobh-tuath, ’S a chìr le gruaim a dh’ aon-taobh, Gun teicheadh a naimhdean san ruaig, ’S cha b’ ann do ’m buannachd tionndadh. [TD 77] BEATHA AN RIDAIRE MHIC GHRIGAIR, NA BAN-RIDAIRE, AGUS A BHRATHAIREAN, AS NA H-INNISIBH ANN AN AIRD AN EAR. An Luinneag. Iil uil a horo, Gum bidh fonn slan oirn; Is eiridh fonn da rireamh oirn, ’N uair chi sinn Ridairè Lanraic; Na iil uil a horo, Gum bidh fonn slan oirn. I. GUN seoladh ’n Trìath air mìn-chuan, Anios oirn’ Ridairè Lànraic. Iil, uil a horo, &c. II. Is com’ an leiginn di-chuimhn’, Air a Chèilidh chiatach ghràdhach. Iil uil a horo, &c. III. Padruic agus Raibeart og, Gun seachnadh iad gach gàbhadh. Iil uil a horo, &c. [TD 78] IV. Bidh Clanna Ghrigair misneachail, ’N uair thig iad do Shronslànuidh. Iil uil a horo, &c. V. ’S ann an In’earlochlarig, A bha na Seoid g’ an àrach. Iil uil, a horo, &c. VI. Bidh ’n Cinneach uile fòlasach, ’N uair thig thu, Eoin, gu t-àite. Iil uil a horo, &c. VII. ’S tu Ceanna Cinnich ’s diraiché, Tha ’o na Riribh làthair. Iil uil a horo, &c. VIII. Gach meur ata air sgaoileadh ’mach, ’O ’n Craoidh ud a bha àluinn. Iil uil a horo, &c. IX. Gluasaibh steach an tàicè ris, A bhrataich nach eil sgàthach. Iil uil a horo, &c. [TD 79] X. Eiridh ’n Cinneach Granndach leat, Bha ceannsaleach ’s na blàraibh. Iil uil a horo, &c. XI. Mac Ionmhuinn ’s Mac an Abadh, ’O chian bha iad na ’m bràth’rean. Iil uil a horo, &c. XII. Bithibh mar bu mhianach leam, ’S na di-chuimhnichibh ’n càirdeas. Iil uil a horo, &c. XIII. Thig Mor-fhear an t-Srathmhoir anios, ’S an Codhannach a chuir fàilt’ ort. Iil uil a horo, &c. XIV. Bidh Ridaire an Lagain leat, An gaisgeach nach dean t-àicheadh. Iil uil a horo, &c. XV. Mac Cuairidh thig a Muile ort, Na Gunaich is Mac `Ala. Iil uil a horo, &c. [TD 80] XVI. Eiridh Clann an Leisdair leat, Ann d’ leisgail mar bu ghnàth leo. Iil uil a horo, &c. XVII. Maladhich, Greigich, ’s Grìbhich, Is Sruilich a Srathàlain. Iil uil a horo, &c. XVIII. Is tuille mor na thubhairt mi, Na ’m burra mi an aireamh. Iil uil a horo, &c. XIX. Deoch slainnt’ an Ridair’ òlaidh sinn, An dochas e theachd slàn oirn. Iil uìl a horo, Gum bidh fonn slan oirn; Is eiridh fonn da rireamh oirn, ’N uair chi sinn Ridairè Lanraic; Na ill uil a horo, Gum bidh fonn slan oirn. [TD 81] ORAN X. DO CHEANN-FEADHNA ADHOLL I. AN sgeul a chualadh mi ’n dè, Mu ’n Diùc cheannasach thrèun, Ghluais mo chuislean gu aoibhneas mor. An sgeul, &c. II. Gun do shuidh e sa mhòd, Na bhreatheamh mar bu chòir, ’S b’ e ’n ceartas bu dùchas do. Gun do shuidh, &c. III. Bha na h-uaislean dha dlùth, Toirt airè d’ a iùl, ’S aig eisdeachd re tùr an t-seoid. Bha na, &c. IV. ’S bha Fithich na grùid, A gearain gu dlù, ’S iad a feitheamh an cùil re h-òr. ’S bha Fithich, &c. [TD 82] V. Ach chaidh ’m mealladh nan dùil, Cha d’ fhuair iad an rùn, ’S cha do thog iad an fùil ’o ’m broig. Ach chaidh, &c. VI. Tha beannachd nan ceùd, Gun mhearachd fo sgèith, An fhir leis ’m bu lèir a choir. Tha beannachd, &c. VII. Cha ’n eil clachan no fèill, Nach bidh ainm air a leùbh’, Mar mhil ann am bèul gach seoid. Cha ’n eil, &c. VIII. Anns gach talla ’m bidh glèus, Cluinnear farum nan tèud, ’S a dheoch-slainnte le spèis ga h-òll. Anns gach, &c. IX. Guidheadh laithean bhi buan, ’N deagh-shlainte gun tuair’, Gun aobhar caoine chuir suas no broin. Guidheadh, &c. [TD 83] X. Tha thu ’d cheann-math do d’ thuath, ’S a bhantrach cha ghluais, Gus an àraich i suas a bròd. Tha thu, &c. XI. Lean an gliocas, ’s bu dual, Re Ceann-feadhna nam buadh, ’S àrd Cheannard an t-sluaigh tha mor. Lean an, &c. XII. Stu Mac an Athar tha ’n sìth, ’S bha am Manna na Righ, Co bheireadh dheth cìs san toir? Stu Mac, &c. XIII. ’N uair dh’ eireadh an strì, Bhiodh na Sassanaich mìn, Gun aon fhocull, nan sìneadh ’m fròig. ’N uair dh’ eireadh, &c. XIV. ’S ’n uair chuir iad e ’n chìll, Bu dubhach gach tìr, ’S bha mhaithean a sniomh nan dorn. ’S ’n uair, &c. [TD 84] XV. Dh’ fhas a Chèilidh gun chlì, A reubadh a cìnn, Tròm, dèurach, ’s a h-ìnntinn leont’. Dh’ fhas, &c. XVI. Ach mur gabhadh sibh sgìos, Bheirinn aire arìs, Do gach seanair bha grinn nan lo. Ach mur, &c. XVII. A bha luachmhor do ’n righ’chd, ’S nach robh suarach no clì, B’ e a buannachd am miann ’s an spors. A bha, &c. XVIII. Bha Seumas re lìnn, Mar rèul iùil ameasg shùinn, ’S bu treun e air mhile doigh. Bha Seumas, &c. XIX. Dh’ fhag Diùc Iain an luchairt, ’S gach cealgair bha dhiu’, ’O n’ bha iad air mhùtha feöil. Dh’ fhag Iain, &c [TD 85] XX. Chuir e ’n t-Aonachd* air chùl, ’S gach cumhnant bha ùr, Cha gheilleadh ’s cha lùbadh leo. Chuir e, &c. XXI. B’ e a chleachd is a thùr, A bheachd is a rùn, A bhi seasmhach ’s gach bèus bu choir. B’ e a chleachd, &c. XXII. Fhir-fheathaimh! bidh luath, Is aisaig dhomh ’nuas, An t-shearrag ’s a chuach do ’m dhorn. Fhir-fheathaimh, &c. XXIII. Is gu ’n òll mi ’s an uair, Deoch a dh’ fhogras am fuachd, Air a Mhoirreach, nach buaireadh òr. Is gu ’n òll, &c. * An co-cheangal eadar Albain agus Sassan. [TD 86] ORAN XI. DO OIGH’ UASAL ARAID ANN AN DUN-EIDIN. I. AIR dhomhsa bhi dìreadh, Do thalla an Fhìrain, Gu ’m faca mi ’n rìomhainn, Ro earachdail coir. ’S oigh uasal air chìnnte, An riomhain ghlan og; ’O Thigh Ruadh-shruth ga rìreamh, An riomhain ghlan og; ’S gur ailleagan prisail, An riomhain ghlan og. II. Le meoir chaola ghrinnè, A cluich’ air ciùil-inneal, Gu fonnar ’s gu milis, ’S cha sireadh i pròis. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. ’S bu chuideachd do Righ thu, A riomhain ghlain oig. [TD 87] III. Cha ’n eil i ’n Dun-eidin, Ann ’n Alba no ’n Eirin, Ga ’n deanadh tu geilleadh, ’S na teudan an ceòl. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. ’S mor do chliù ann ’s an tìr so, A riomhain ghlain oig. IV. Tha do leadan na dhualaibh, Falach màillean do chluasaibh, ’S a teurnadh mu d’ ghuailaibh, Mar thuairnean do ’n òr. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Cha bu bheag a thoil inntinn, Do ’n leigeadh tu pòg. V. Ceann aoidhean is dhillsean, Cridhe blàth, ’s lamh an sìneadh; ’S na feumaich cha dìbir, An riomhain gun ghò. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Cha ’n urra mi luaidh dhuibh, Gach buaidh th’ air an oigh’. [TD 88] VI. Cha ’n ioghn’ i bhi iùlar, ’S i shiol Ailpain nan lùchairt, Chuir luchd mi-rùin is cùl-chainnt Car ùine fo leön. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. ’S ge d’ thug foirneart fo chìs iad, ’Nis dhìreich na seoid. VII. Nigh’n an Aodhaire ghramail, ’S co maith ’s theid an crannaig, Mac Ghrigair ris canar, Treun daingean sa chòir. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. ’S e mo dhochas gu ’m pìll e, Moran mhi-naomh ’o dhò’. VIII. Tha mais’ ann a t-aoduinn, A chuireadh nan daoine, ’S a thairneadh gu gaol iad, Na ’n aobhaicheadh feoil. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Co thairgeadh dhuit mi-mhodh, Nach biodht’ air an tòir? [TD 89] IX. Dà shuìl is maith lionadh, Gun chaogadh gun fhiaradh, Fo mhaladh na nianaig, Is fialaidh san Eòrp’. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Gheibhte maithean na tìre, Ga d’ fhireadh am pòs. X. Dà ghruaidh mar an caorunn, Is gnuis ata faolidh, Tha do shlios mar an aoiluinn, ’S tearc aogus na h-oigh’. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Gur aluinn, deas, direach Thu riomhain ghlain oig. XI. Beul meachair a mhànrain, ’O ’n ait a thig gàirè, Deud shnaighte, gheal, chnàmha, ’S teangaidh mhalda gun scleo. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Mar luibh ann an gàradh, Tha àille na h-oigh. [TD 90] XII. Gur gìle do bhragaid, No canach a chàdhair, A toirt buaidh air gach armunn, A tharadh do d’ choir. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Mar shneachda an fhasaich, ’O d’ bhraigh thu gu d’ bhroig. XIII. Tha muineal gun fhailinn, ’O ’s ceann broilleach dh’ fhàs àliunn; Gur samhl’ thu do Mhàri, A Bhan-righ’n bha mòr. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Cha ’n eil ionad an tèid i, Nach geill iad do ’n oigh. XIV. Tha do chaoin-chruth a chruinneag, ’O ’s cionn gach uil iurram; Gu dearbh tha thu uilè, Gu cumadail coir. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Ort a luidheas an sìdeadh, A riomhain ghlain oig. [TD 91] XV. Do na chi mi a gluasadh, Do bhan-tighearnan stuama, Cha seall iad ach suarach, Re gualainn na h-oigh. ’S oigh uasal air chìnnte, &c. Tha do sgèmh dhomh do-ìnnseadh, A riomhain ghlain oig. XVI. A Mhararat chaomh chaoinail, ’S tu sgàthan gach maighdean, ’S an reul-iüil tha toirt soillse, Dhoibh dh’ oidhche ’s do lo. ’S oigh uasal air chìnnte, An riomhain ghlan og; ’O Thigh Ruadh-shruth ga rireamh, An riomhain glan og; ’S gur àillegan ciatach An riomhain ghlan og. [TD 92] ORAN XII. DO THEARLACH GRANND, TIGHEARNA CHINNAIRD. I. O! ’s fhad tha mi ’m shuain, ’S mo smuaintean gun fhèum, Ann am breathal ’s am bruadar, Gun bhuannachd fo ’n ghrèin; Gur mithich dhomh gluasadh, Mu ’n fuaraich an spèis, ’S dol shealtuinn an uasail, Ga ’m bu dual bhi ’n Srath Spè. II. ’N uair a ruiginn do bhaile, Chluinninn farum nan tèud; Be do dhuchas bhi fearail, Cruaidh, smearail a’ ’m feum: Bidh ceol, oll, agus aidhear, Gach aon latha le chèil, An tigh mor an fhior-ghallain, ’S ann bidh tathaich nan cèud. [TD 93] III. B’ e do mhiann agus t-aidhear, A bhi caitheamh do lòin, Re luchd gabhail an rathaid, ’N uair rachadh do d’ choir; Bhiodh an t-uisge math beatha, Ga ghleidheadh chum oll, A chuireadh luchd feitheamh, Ann am breathal ’s an ceo. IV. Be sud deagh chleachda t-athar, ’N uair bha e na bheo; Cridhe fialuidh, ’s lamh fharsuing, A sgapadh an oir. Bha a luchd sgriobhaidh, Fo mhi-ghean ’s fo bhron; ’S gur càll mor d’ a dhìllsean, E bhi na shineadh fo ’n fhoid. V. Ach ge d’ dh’ agair am bàs, An saoi b-àill leam measg sloigh, Dh’ fhag e choille fo bhlàth, Aig an aillegan og: Dh’ fhag e chuach a bha dear-lan, Cha do mheall e thu sheoid; ’S a bhreacag gun bhearn aist’, Aig Tearlach, ’s a choir. [TD 94] VI. Gur oighr’ air Cinnaird thu, Dhuit ’s co araid a Chùil, Air Baile nan Craobh, Air gach aonach is stùc, —Gu ma fadè do shaoghal, ’S nior chaochail do smùid, ’S gu ma marionn do dhaoine, Gun aomadh re d’ chùl. VII. Com an luidheadh tu t-aonar, ’S nach smaonaicheadh tù, Air ban-tighearna chaoin-ghil, Ga ’m biodh foghlum is iùl? Tagh do chèilidh a teaghlach, Mhor ghreadhnach ’s an dùth’ch; ’S bidh do chairdean co lionmhor, Re ionlaibh an dùin. VIII. Gabh mo chomhairl’, ’s na seachain Bail Eachuin Mhic Righ; Taoghail ann ’s an dol seachad, ’S gabh beachd air na chì; Far am bheil an fhuil arda, Nach do chaill riamh san strì, ’S ma bhios oighr’ ort, no nianag, Bidh iad miaghail ’s an tìr. [TD 95] IX. Tha urram sa phosadh, ’S gach sòlas fo ’n ghrèin, Ma bhios a bhean umhal, Is surdail da rèir; ’S easan treibh-dhireach iular, Gun bhi lubach no gèur, Bidh iad sonadh, is cliuteach, Ann an suilibh nan cèud. X. ’S math a dh-eireadh na h-orain, Air na feöid ud gu lèir, Luchd dhireadh nam mòr-bheann, Ann an codhail an fheidh; —Gur Granndach an t-ògan, Do chonnsbuinn Shrath Spè, A thainig do fhior fhuil, Nan Righrean a dh-èug. XI. Sàr shealgair an fhirich, Co shireadh e ’d dhèidh? ’S a bhricè air linnè, A mireadh ’s a lèum: ’S tric a leag thu ’n damh uallach, Ge b’ uasal a chèum, An coileach ’s an lia-chearc, ’S eoin-riathach an t-sleibh. [TD 96] XII. Na ’m biodh agam foghlum, No eolas am chrè, Do bhuaidhean ro oirdheirc, Cha leonadh am bheul; Ach cha chuir mi ’s an trà so, Ach àireamh dhiubh ’n cèill: Tha seirc dhuit mar mhiann, ’S do dheagh ghniomh tha da rèir. XIII. Tha do mhoralachd ard, Ann ’s gach àit’ am bidh thù; ’S gur combanach Righ thu, ’S thu iochdrain cha diùlt; ’S ma chi thu na bochdan, Air chnoc no an cùil, Gun seall thu gu caomh orr’, ’S cha chaoin thu do chùin. XIV. Deagh cheannard na tuatha, Cha luidh gruaim ort, ’s cha b-fhiù; Lean thu cleachda nan uaislean, ’O ’n do bhuaint’ thu ’o thùs; Na ’m biodh iad an cruadal, Bha fuasgladh dhoibh dlù’, ’S tu sheasmhadh re ’n gualain, ’S a bhuannaicheadh cùis. [TD 97] XV. Ceann aoidhean is fheumach, Ceann na ceille ’s an tùir; Ceann math bhanntrach is aisrain, ’S do ghradh dhoibh bhiodh ùr; Ceann-uidhe nam bard thu, Luchd dhànan is ciùïl: O! ’s tric fhuair iad a’ d’ sporan, Carson nach moladh iad thu? ORAN XIII. DO DHUIN UASAL ARAIDH ANN AM BAILE NAOIMH IAIN. I. BEIR mo shoruidh ’o m’ chridhe, Gu Baile Naoimh Iain a nùnn; Dh-ionnsuidh an fhìrain, A labhras an fhirinn le fònn; ’S do na tha ann ’s na Sgriobheanna, ’S e bheireadh a bhrigh air gach doigh; Ac’ ’s mor tha thoil-inntinn, A bhios ga chluintinn le cònn. [TD 98] II. Is amhuil sin ’s mar a thachair, Do ’n armunn tha ’m Peairt ann san uair, B’ e ghliocas ’s a thapachd, Leis na gràsan bha frasadh anuas, A bhuannaich dha ’n cath cruaidh, Le ard ghairm fharsuing an t-shluaigh, Ge bu lionmhor fear-facuill, A bha ’m barail gu ’m faigheadh e buaidh. III. Ach ’s ioma fear is bean bhreid-gheal, A dh’ fhag thu ’n Gleanneite fo bhròn, ’N uair thainig an sgèul iad, Nach pilleadh tu ’n cèum ud ni ’s mò; Tha Gleanniubhair dheth deurach, ’S Gleanncomhann fo euslain gu leor: Ach sud uile bhiodh ’n aoibhneas, Na ’m faigheadh iad fein ort ach còir. IV. Cha ’n ioghna leam fein iad, Bhi ann an eiginn ro mhor, Am buachaille ceutach, A spionadh ’o ’n sgèth air an t-sheol. Fear ghleidheadh na treud e, ’S nach leigeadh an reubadh le dheöin, Le mìlltear na beucaich, A bhi daonnan gu geur air an toir. [TD 99] V. Dheagh Mhic Pharlain ’o ’n Arair, Gur dearlach an sealladh tha ’d ghnuis; ’S an aig taobh Lochalaoimain, Bha do shìnnsir ’n lan shaibhreas ’o thùs; ’S an Gleannurcha chaidh t-arach, Mar ailleagan aluinn, le mùirn; Tha thu ’d bhreitheamh gach cànain, ’S gun labhair thu Ghaelic gu cùl. VI. As gach ionad do ’n bhaile, ’N uair thig iad gu h-ealamh dhuit dlù, ’S a dhireas tu chrannag, A mhìneachadh earruin le tùr; Ag fosgladh do bhilibh, Le cainnt bhrighar gheur chiùin, Bu chridhe gun tioma, A dhiultadh an sileadh ’o ’n t-shùil. VII. Caoin chruth, is math cumadh, Ro àilte ’o d’ mhullach gu d’ bhonn; Caomh, blàth ris gach uile, Gun ardan ’s a chruinne a’ d’ chom; Lan fàilt’ agus furain, Cha bu ghnath leat bhi muladach trom, Cha ghabh e dhomh inseadh, Gach buaidh ata lionadh an t-shuinn. [TD 100] VIII. Sàr shealgair an fhireich, Le d’ chuilbhair, le d’ ghillè, ’s dà chù, ’S tu bheireadh an earba a coillè, ’S an coileach a doirè nan stùc; ’S tu namhaid a bhradain, Air buinne nan cas-shruthan ùr; ’S math sheinneas tu ’n fhiodhall, Chuireadh fìughar fo mhnathaibh is sunnt. IX. ’O n’ is duin’ do ’m bheil gràs thu, ’S gur fuath leat fuar-chràbhadh gun diu, Bidh gu truacanta gràdhach, Ann ’s gach uair agus àit’ am bidh thù; Gu seircail dleasd’nach re d’ bhrath’raibh, A seasamh gu blàth air an cùl, ’S na toir oilbheum do ’n Phàpa, ’O n’ tha Breatheamh ann ’s airde na thù. [TD 101] ORAN XIV. MOLADH DO ’N RIDAIRE MAC GHRIGAIR, AGUS DO A BHRATHAIRAIBH. I. ’S i an sgeul math a chualadh mi, Thog m’ inntinn gu grad smuaineacha, ’S na cuislean bha air fuarachadh, Gun d’ ghluais iad mi gu ceòl. ’S na cuislean, &c. II. M’ an Chinneach righail Ailpaineach, Dh’ fhas ladair, piobach, tartarach; ’S ge d’ chuir luchd mì-ruin casaid oirbh, Gur ait leam sibh theachd beò. ’S ge d’ chuir, &c. III. Beannachd is buaidh larach leibh, Is sith ’o ’n Ti is Airdè dhuibh, ’S gu ’m bidh sibh air ’ur n-aireamh suas, Mar b-abhaist dhuibh ’o ’r tòs. ’S gu ’m bidh, &c. [TD 102] IV. Gluasaibh steach le gairdeachas, Gach aon a bha ga shareachadh, A ghlacadh chothrom thrathail, Gu failt’ chuir air na Seòid. A ghlacadh, &c. V. A cheathrear ghradhach Bhrath’rean so, Bha cruadalach ’s na gàbhanean; ’S gu ’n d’ dhearbh iad ann ’s na blàribh, Bhi nan cairdean do Righ Deorsa, ’S gu ’n d’ dhearbh, &c. VI. An Ridair’ bheir sinn àite dha; Is Alastair cha ’n aicheadh sinn, An Ceannard th’ air na Gael è, ’N Dun-eidin ’s ard a dhòigh. An Ceannard, &c. VII. Gun di-chuimhn leig air Pad’ric, An t-Uasal stuama blàth-chridheach; Is Raibeart og an t-Aileagan, ’N deoch slainnte b-aill leinn òll. Is Raibeart og, &c. [TD 103] VIII. ’M Bochuidir a bha ’n aiteachas, ’S an In’erlochlaric dh’ araich iad; ’S iad Teaghlach Ghleanna Cearnaig, Ata mi ’g rath’, ’s cha scleò. ’S iad Teaghlach, &c. IX. Sliochd nan Righrean duchasach, Bheir Alba ann ’n làn ughdarras, ’N Dun Stainnis chaidh an dunadh sios, ’S cha duisg iad gu la mhòid. ’N Dun Stainnis, &c. X. ’S an I-Challum-Chille dh’ innsinn dhuibh, Ma dh’ eisdeas sibh an fhirinn uam, Sea-deug dhiubh tha nan sineadh ann, ’S bu righail iad nan lò. Sea-deug dhiubh, &c. XI. Tha Coinneach Mac Righ Ailpain ann, Chlaoidh Picaich gus nach faicteadh iad; ’S tha Grigair Mòr an Gaisgeach ann, An taicè ris na slòigh. ’S tha Grigair, &c. [TD 104] XII. ’S lionmhor Curaidh calma, Tha ’s an Eilain ud nach ainmaich mi, ’S na ’m bithinnse am sheanachair math, Gun dearbhadhinn an còr, ’S na ’m bithinn, &c. XIII. Ach, a Ridaire, gur aoibhinn leam, Gu ’m bheil thu togail threun-fhearan, ’S ge d’ tha mi aosda, eiridh mi, ’S gu ’m fàs mi eatrom òg, ’S ge d’ tha, &c. XIV. Na ’s faigse cha tig eigin dhomh, Oir gheibh mi cuilbhair ’s èididh uait, ’S gu ’n toir mi stigh na ceudan dhuit, Mu dh’ eisdeas iad re ’m cheòl. ’S gu ’n toir, &c. XV. ’S tu Ceanna Cinnich ’s diraichè, A thainig ’o na Righreanaibh, ’O lìnne nuas gu lìnne, ’S com an dibreadh sinn a chòir? ’O lìnne, &c. [TD 105] ORAN XV. DO ’N EILAIN MHUILEACH, AGUS DO I-CHALUM-CHILLE. I. BEIR mo shoruidh gun fhuireach, Do Eilain Muile nan ard-bheann, Far am bheil na fior dhaoin’ uaisle, A fhuair mi gu furanach gradhach. II. Cha ’n fhaca mi gruaim na ’n talla, ’M fad ’s a dh’ fhan mi ann san àitè; B’ e am miann bhi tabhairt biatachd, ’S a dioladh cha ’n iarr na h-armuinn. III. An t-Eilain farsuing, fada, fialuidh, An t-Eilain mu ’n iadh’ an fhairgè, ’S ann tha na Seoid, luchd òll an fhiona; Sealgairean nam fiadh ’s nan earb iad. IV. Eilain an fhasgaidh ’s an fhàsaich, Eilain nam Ban malda deabhach, An t-Eilain an ’s am bheil na Gaëil, Tha gu fallain, ladair, calma. [TD 106] V. Eilain an ìma ’s a chàisè, Eilain nam bà ’s nan laogh bailg-fhionn, An t-Eilain an ’s am bheil a Ghaelic, Ma tha i an ’s an tra so ’n Alba. VI. Mo bheannachd do ’n Eilain uaine, An taobh mu thuath do ’n Eilain Shaileach, ’S innis do Mhac Cuairè Ulbha, Gu ’n robh mi muladach ga fhagail. VII. Beannachd eile thar an aiseag, Do Fhear an Lagain ’s do Fhionghal; ’S do dheagh Mhac Mhuirich na brataich, Air a b-ait leam a bhi leanmhuinn. VIII. ’S gu Sgalasdail, re sgèith a chaoil, Comunn mo ghaoil, san asta dh’ earbainn; ’S ge d’ nach eil mi mar fhad glaoidh dhoibh, Bidh mi daonnan orra seanachas. IX. ’N uair ranig mi iochdar na tìrè, Chunaic mi I-Chalum-Chillè; —An t-ionad an robh comhnuidh an Fhirain, ’S bheannuich e gach ni mar dh-imich. [TD 107] X. Bu lionmhor curaidh nach robh dìblidh, Tha nan sìneadh ann ’s an Innis, Bha, na ’m beatha, ullamh dileas, Gu eiridh ann an strì ’s an iomairt. XI. Tha ochd is dà fhichead, le dearbhadh, Do Righrean Alba innt’ nan cadal; Ceathrear do Righrean Eirin, ’S a dhà-dheug do Righrean Lochluin. XII. Chunnaic mi Uaigh Odh’rain an gaisgeach, Far ’n do thaisg iad suas an t-armunn, ’S an taic ris tha na treun-fhir, Nach striochdadh ’s nach geilleadh d’ an namhaid. XIII. Tha Mac Dhonuill, Righ nan Eilain, ’S Mac Coinnich a Ceanntaile, Mac Ionmhuinn Mhic Ailpain an t-Sratha, ’S Mac Cuairè na ’n luidhe laimh ris. XIV. ’S Mac Ghilleathuinn bha air Duairt, Cliamhuinn urramach Mhic Dhonuill, Leis an d’ fhuair è ’n t-Eilain Muileach, Ge d’ chaill e uile nis a choir air. [TD 108] XV. Sùil gu ’n d’ thug mi, is mi tionndadh, Chunnaic mi ’n sin Teambull Mhuire, An t-àit’ aodhraidh is sineadh ’n Alba, No ’n Sassan, le dearbh ro shoillair. XVI. Tha mìle is da cheud bliadhna, ’S còr mòr ma dh’ iarras sibh aireamh, ’O na chaidh chlach-steigh a chumadh, Gu maiseach ’o a bunait gu braighe. XVII. An aird an iar do ’n bhaile uile, Tha Caladh Churaich mar a bha e; Chunnaic mise dealbh na luingè, Air a cumadh as an àilean. XVIII. Bha tri-fichead troigh is tuille, Air a fad, ’o muineal gu h-earr ac; ’S e an darach bu mhath fulang, A bha cumail ’mach an t-shaile. XIX. Na ’m b-fhear eachdruidh mi, no seanachish, Mhean’mhaichinn amach gach ceairne; Ach easan a ruigeas am dheadhuidh, Gabhadh e fraodharc na ’s fearr dheth. [TD 109] ORAN XVI. ANN AN AGHAIDH NA ’M BREUG. I. ’S Mairg bheir creideas do ’n bhreig, Ge d’ robh i ceutach na tùs; Siubhlaidh i ’o bheul gu beul, ’S gheibh i eisdeachd ann ’s gach lùchairt: Cuiridh i an cluasaibh cheilè, Na ceudan, le sgèithibh cùil: ’S minic chuir i saighdean geur, A ’m fear ’s an tè an deigh bhi pùist’. II. Ach tha mi guidhe air an Trianaid, Ge do tha mi iosal faoin, ’O bhreugan, eagal, is droch-briathran, ’S ’o èud, gu fior mo chumail saor. Fuath, farmad, falachd, no mi-run, Gu dilinn na biodh am choir; Braid, sannt, no breath-air-eigin, Com’ an gèillinn doimh re ’m bheo? [TD 110] III. ’S mairg ni sgeul do bharail, Na bhios tuille ’s ealamh na chainnt; ’S mairg rachadh tric air cheilidh, ’S a thigh fein bhi aig laimh; ’S mairg a dheanadh uaill r’ a bheo, A saibhreas mor, ge d’ bhiodh e ann; No chuireadh earbsa no dochas, An gairdean feola, ’s e fann. IV. Na caithsa do mhaoin le goraich; Cuimhnich an co’nuidh do mhàl; Na suidh co’nard ’s an tigh osda, Ge ’d robh beartas mor a’ d’ dhàil; Ach na seachain cuideachd choir, Ioc is òll na ni dhuit stàdh. —’S e saothair do laimh fein is mìlsè, No aon ni gheibh thu ’o chàch. V. Na suidh air do nàmh a’ ’m bìnnè, ’S na bi t-fhianais air a bhrèig; Na fiar air aon achd an fhirinn, ’O na tha i dìreach rèidh; Eisd, is labhair gu fòill, ’S cum do theangidh stòildè ’d’ bheul; ’S na b’ fhiu leat bhi t-fhear-brathaidh, No duais a ghabhail d’ a rèir. [TD 111] VI. ’O ’n Righ gu ’n neach is lugha th’ againn, Na ’m measg tha mi faicinn gu leir, Gur e meas gach uile dhuinè, A thuras a chumail reidh: ’S e slainnte cholain, is suaimhneas inntinn, Ciall agus cuimhne, ’s deagh ghnè, ’S a bhi toilichte le ’r cuibhruinn, Sho nithe ’s taitneiche fo ’n ghrein. ORAN XVII. DO THEARLACH GRANND, TIGHEARNA CHINNAIRD, AN UAIR A CHAIDH E CHUM AN LAGHA AN AGHAIDH FEAR DO ’N TUATH AIG. I. GU ma marionn do ’n trèun-fhear, Chaidh ’n dè air a thuras, Ann an carbad nan stèud each, Chaidh Dhun-eidin nan siubhal: Gu ma fallain thu ’g èiridh, Mar bhradan leumneach an t-shrutha, ’S nior mheal mi mo lèinè, Mur b’ e m’ aoibhneas thu bhuidhinn. [TD 112] II. Bu dàna do bhalach, Faoin, falamh, gun riaghailt, Gun eolas, gun earras, Dh’ fhàs gu h ain-eolach fiata, Bhi cuir dragh ann a-d chathreamh, Oig bharrail na fialeachd, No gu ’n direadh e amull, ’S thu bhi tarruing gu dionach. III. ’S fad ’o n’ chualadh mi aithris, ’S e mo bharail gur fior e, ’N uair a dheireadh a charraid, Nach biodh an fhalachd gun dioladh: ’S ge d’ bhiodh tuathannach starrail, Uaibhreach, farumach, fiadhaich, ’S e cho chruaidh re crann daraich, Gun gabhadh e fiaradh. IV. Thoir an airè, a Dhonuill, Oir is dochas ro dhiamhain, Thu bhi cogadh air mòr-fhear, ’S e chonuidh na fhion-lios; Cuir srian re do mhorchuis, ’S thig beo gu glic ciallach, Chaoidh cha luimeach thu ’lònse, No ’n uair a thoisich an dian-ruith, [TD 113] V. Tha na h-uaislean co neartmhor, ’S na ’n cleachdan co diomhair, ’S nach gabh iad re cleasachd, No re streapa na ’n iochdran: ’S mor a b-fhearr a bhi seircail, ’S ’n a-d dhleas’nas bhi gniomhach, No bhi togail do shuilean, Gu mi-umhal, re d’ fhear-riaghluidh. VI. Bheirinn comhairle ùr ort, Na ’m b-fhiu leat a h-iarruidh, Thu sgurachd do ’n ni so, Chuireas tnù ort, is fiachan; Bidh rèidh ris, is umhal, ’S na diult a bhi siochail, Mar nach bu mhath leat an lùireach, ’S gach dùthich ga ’d riarach’. VII. Chaill gach uille an gaol ort; Cha ’n eil aon ann an sith ruit; Chuir thu ’m fearunn an daoraid, Sud thog gaoir ann ’s an tìr so: Tha t-ainm air a sgaoile, ’S bithear daonnan ga d’ bhìnneadh, An deaghaidh dhuit caochladh, Aig na daolan a-d shineadh. [TD 114] ORAN XVIII. DO FHEAR CHAIDH DH’ IARRUIDH SGADAIN. I. CHAIDH mi uair do In’eraora, Le Seumas, aobhach dh’ iarruidh sgadain; Ach cha robh an gnothach mar a shaoil sinn, Oir b’ aobhar caonaig am faicinn. Bha na h-iasgarean co baobhail, ’S nach d’ fhan a h-aon diubh air a chladach; ’S an a b-èigin duinn an caol-ruith, ’S iad a’ glaodhaich air a ghlas-chuan. II. Labhair mi le còradh cianail, “Dhaone, riaraichibh ’ur tacar; ’S fad a thainig sinn ga iarruidh, Na ’m b-aithne dhuibh trian an astair.”— Thionndadh fear gu coimheach fiata, Ge d’ bha chiabhagan air glasadh, Thuirt e rium, leis na droch bhriath’rean, “Nach biodh ciad diubh gun dà thasdan.” [TD 115] III. Chuir sud bliadh’nachean ann aois mi, ’N uair a chual mi ghaoir bha aca; An sporan bhi air tarruing caol, ’S na gearrain bhi air aodain crachain: Cha b’ e sud uilè bha mi caoineadh, Ach mo mhaoin a bhi ga sgapadh, An t-uisgeadh beatha bhi co daor, ’S gun do shlaoid e uain na bh’ againn. IV. ’N sin dh’ eirich fearg an treun-fhir, ’S tharruing e gheur-lann ’o achlais, A ghearra chnamhan agus smuais, Cheann, is chluasan, is chlaigean; Ag radh, “Mur toir sibh gu tìr iad, ’S an aireamh thoirt dhuinn ’s a cheart-uair, Cha ’n eil duin air Locha Fìnè, Nach dean mi co mìn re as-bhuain.” V. “Co sin a labhras cho dàna, Na ’n d’ thainig e as an Apuinn; A bheireadh oirnè bhi samhach, ’S gu ’m bu ghnàth leinn bhi tapaidh? —Teann a nall, is feuch do lamhan, Mu ’s mac do d’ mhathair thu, ghaisgich, ’S mu bheir thu uilè sinn fo chìs, Shaoil leinn gu dìlinn nach tachradh.” [TD 116] VI. Chrom è mhala, chas è fhiaclan, Leis na briathran a bha ascaoin; “Thainig mise ’o na Fiannaibh, Daoin ’o chian a bha gu ’n atha, ’S mu chumas sibh dhiom Siol Dhiarmaid, A bha dionach ann ’s gach cath teath, Cha ’n eil iad ’s an airde ’n iar, Na bheir fhathasd dhiom mo spaca.” VII. “’S an oirnè thainig an dòruinn, Chuir thu sinn ’o fhonn ar coisneadh; Mu ’s iarr odh’ do Threunmor thu, Buinidh tu do Oisian is Oscar. Togaidh sinn ar siùil gu h-arda, Dh’ ionnsuidh na tràighe leis na sgadain, ’S gheibh thu uainn na bheil a dhì ort, ’S cha dean sinn strì arson an aisig.” VIII. Fhuair sinn gach ni mar a b-àill leinn, ’O na bha e laidir smachdail; ’S ’n uair a rainaig sinn Dalmhàli, Gu ’n robh sinn gu pàiteach, acrach. Air ar eachibh cluireadh airde, Le feur ’o ’n fhàsach, ’s coirc’ gun airceas; Is fhuair sinn fhein gach ni rinn stà dhuin, ’O ’n mhnaoì uasail, ghradhaich, thlachdmhor. [TD 117] IX. A sin ràin’ sinn Tigh an Dromadh, Air na bonnaibh, mu ’n do stad sinn, ’S bha na mnathan teachd na ’r coinneamh, ’S gach aon diubh cromadh thar na sgadain. —Thuirt Seumas re tè dhiubh, bha bodhar, “Tha mo bhean chaobhair ’s an Apuinn, ’S mu bheir thu dhomhsa pog le furan, Gheibh thu cunnarach do ’n t-acar.” X. Leum iad nunn thar an Eas Dhubh, ’N uair chual iad gur cleasaich a bh’ aca; E ga ’n ruagadh, ’s iad a teicheadh, Chluinnt’ ath-thoirm sgreid ’o chragan: Ach cha do bhuannaich e a bheag orr’, Gus ’n do sheasamh iad air fad ris, Oir thuit e air a dhruim ’s an fheadan, ’S bha iad ga bhreabadh le ’n casaibh. XI. Dh’ eirich na gaotha gu dian, ’O ’n aird an iar, le fuar-fhrasan, ’S mu ’n do tharruing sinne srian, Gur ann sa Chrianlaraich a stad sinn. —Co thainig a-mach ach Iamhair? ’S gu ’m bu sgiamhach e re fhaicin, ’S ’o na tha e dhomh na chliamhain, Thug e biatachd dhuinn a nasgaidh. [TD 118] XII. ’N uair thainig sinn tigh Mhic an Deora, Ata cho’nuidh ’n Tigh an t-Shuidhe, Thug e sinne ’steach ris co’ladh, ’S chuir e teinè mor na uidheam; Fhuair sinn gach ni mar bu choir dhuinn, Ach gu sonnruicht’, moran dibhè, ’S ’n uair a dhòll mi fein gu leor dhith, Gu ’n do thoisich mi re bruitheann. XIII. Chaith sinn an oidhche ann làn shòlas, Gabhail ceoil, ’s a ’g òll gu cridhail; Cha ’n fhaca mi fhathasd brònain, Ach na searraig mhor a tighinn; Is ann sa mhadainn fhuair mi pòg, Do ’n fhear a leon mi, gun sireadh, ’O ’n mhnaoi uasail, ga ’m bheil eolas, ’S mheall i mi, mur mor a cridhè. XIV. Air an t-Shraid-ghlais, re taobh a mhoir-shruth, Dhealuich sinn, an dochas tighinn; ’S ’n uair a dh’ fhag e mi am ònar, Bha mi brònach àir an t-shlighe; ’N sin thoisich mi re cronan, Chuir mo cheumeanaibh an giorraid; ’S ’n uair a chunnaic mi mo Sheonaid, Dh’ eirich sòlas ann mo chridhè. [TD 119] XV. San domhsa nach b’ aithreach mo shaothair, ’S tric a dh’ fhagadh aobhach m’ aignè, Leis an laodhach chridhail, ghaolach, Ga ’m chumail daonan a fadal. Mu theid duin’ agaibh re ’r saoghal, Dh’ In’eraora, dh’ iarruidh sgadain, Cuiribh Fionn ’s gach àm na ’r tùs, Is bidh ’ur cunnra math teachd da-thigh. ORAN XIX. DO FHIGHEADAIR ARAIDH. I. AN cualadh sibh a dhaoinè, No ’m feudainse aithris dhuibh, Mu ’n bhreabadair bha ’n Craoidh, Bu bhaobhail a thachair dha? Mhill e ’n eididh chaol, Ghabh saothair mhor ga beartachadh, ’S an robh na dathan daora, ’S cha d’ fhag e maoin gun strachdadh dhi’. ’N uair chinn e searbh dhith, ghabh e fearg rith’, Is dh’ eirich colg na braisè air, Is thug e ghearr-leum thar a gharmain, ’S lean cearban r’ a chasaibh dhith: [TD 120] Thug e bhriathran ann san àm, Gur ann san Fhraing a stadadh è, ’S nach cuireadh e a chas air crann, No spàl na laimh nach glacadh e. II. Thug e gu luath chum na fairgè, ’S cha do dhearbhadh gaisgè leis, B’ e b’ annsadh an t-uisge fuar, Nach cuireadh tuair no amailt air; ’N uair chunnaic e a mhuir ruadh, Ag eiridh suas gu bras-thonnach, Shaoil leis gu ’m b’ i sud an uaigh, ’S gur ann ’s a chuan a chaidleadh è. ’N uair chuir iad e tharruing nam ball, B’ fhearr san am bhi tacharas; Cha b’ fhearr a dhireadh nan crann, Ghabh a cheann gu gealtaireachd: ’S ’n uair dheirich ard ghaoth ’o thuath, Bhuaileadh e na basan aig— O chòin! nach leig sibh mi uaibh, ’S e Gleannacuaich a b’ aiteadh leam. III. Na ’n cuireadh sibh mi do Lìtè, Dh’ iocain fein an t-aiseag dhuibh; B’ fhearr leam bhi air tìr, ’S e sin an ni a b-aite leam. [TD 121] Na ’m faighinn greim le ’m ìnibh, Air slìnntean is acfhuinean, Cha ’n fhagain a bheairt gu dìlinn, ’S cha sgithichinn le tacan dith. ’N uair dh’ aithnich iad mar bha e, ’S nach robh stà no tapuchd ann, Thog iad suas na siüil gu h-ard, Is thainig iad do ’n chaladh ac’: ’S ’n uair a bhuail a throigh an tràighe, Cha bhiodh e màll a ghlacadh e, Bu luaithe steudeadh e na ghaoth, ’S cha chumadh Caoilte spaca ris. IV. Thog e bhreacan thar a ghualain, ’S gu ’m b’ uasal an lasgair è; A chùl ’n uair chuir e ris a chuan, ’S ris gach cruadal thachair dha; Shiubhladh è gu laidair, luaineach, Eatrom, uallach, acfhuineach, Fichead mìlè ann ’s an uair, Bu shuarach an t-astar leis. ’N uair chruinnaich a chairdean gu leir, A dh’ eisdeachd ciod a thachair da, Dh’ innis e gu ’n robh è ’n Eirin, ’S gu ’m bu treabhach tapidh è; Gu ’n do shiubhail e ’n t-Shuain gu leir, An Eaphaid agus Africa, ’S gu ’n tug e as an Olaind, Seudan, ’s moran nichinnean. [TD 122] V. Sheall gach fear dhiubh air a cheilè, Is dh’ eirich iad an caisè ris, ’S iad na breugan a tha d’ bheul, Cha d’ rinn thu fein an t-astar sin; ’M bheil ach còrr is ceithair-la-deug, ’O n’ thoill thu bèum is masladh dhuinn? ’N uair bhrist thu bheart, ’s an eididh cheutach, A sheas dhuinn moran shastannean. Nach gabh sibh leisgall na h-oigè, ’S thugaibh coir is ceartas dhomh, ’S leigidh mi dhiom mo ghòraich, ’S bheir mi boid gu ’n tachair e; Cha ’n iarr mi seachad air Maoil, No Faolish, le cabhaig mhoir, No do ’n Apuinn, reiceadh m’ aodaich, ’O n’ tha iad faolidh tapidh innt’. VI. Faicear agam geir’ is glaodh, ’S an droch shnath caol a phrab mi dhuibh, Is ceanglidh mi suas gach gaog, A shniomh na baobhan bradacha: ’S iadsa chuir an teas a’ ’m laodhraibh, A dh’ fhag mi caoineach airsneulach; Na ’m b-urra mise ga ’n sgaoilè, Cha bhiodh aon ’s na bacaibh dhiubh: [TD 123] Ach tha mi aobhach mar ata mi, ’O na dh’ fhagadh ’n craicionn orm, ’S gu ’n do thearuinn mi gu ’n bhàthadh, ’S an t-shàilè, far nach faictè mi: Air uisge cha teid mi ’n gàbhadh, Fhad ’s is slan do m’ chasan domh, ’S fhearr leam bhi gabhail mu ’n cuairt, Ge d’ bhitheadh moran astair ann. VII. ’S beag tha fios agaibh air tìr, Gach deachain th’ aig na maraichean; Ach dhomsa ’s aithne iad gu leir, ’O n’ ’s mi fein a dhairich iad: Eader Ilè ’s Maol Cheanntìrè, Fo ghaoith dhionn, ’s fuar fhrasanean, Na tuinn a tearnadh ’s a direadh, Le mi-rùn ’n uair dh’ atadh iad. Thug sinn car an ear mu ’n cuairt, Gu buannachd, ’s cha b’ aireach leinn, Fo sgèith Alasaid a Chuain, Far an d’ fhuair sinn calachadh. Bha sinn an sin gu Diluain, Gu ’n ghluasadh gu ’n characheadh, ’S ’n uair chuir sinn air n-aghaidh re Cluaidh, Gu ’n cluinnteadh fuaim re darach ann. [TD 124] VIII. ’N uair thainig sinn an Tobar Ur, Bha na siùil ga ’n lasacheadh; ’N sin chaidh mi sios air mo dhà ghlùn’, Gu umhla, ’n uair dhairich mi, Thabhairt bui’cheas do mo luchd iùil, A thug gu ciùin gu talamh mi; ’S am fad ’s a bhribeas mi mo shuil, Gu ’n cuir mi cùl re maraneachd. ORAN XX. MOLADH IAIN DUIBH GHEARR MAC GHRIGAIR, RINN SEAN RUILE THULAICHEAN. An Luinneag. ’O Thulaichean gu Bealaichean, ’S ’o Bhealaichean gu Tulaichean; ’S mur faigh sinn leann’s na Tulaichean, Gu ’n òll sinn uisgè Bhealaichean. I. Bu Ghrigareach ga rireamh, A Ruadh-shruth ann Gleannliomhunn, A rinn an ceol tha riomhach; Ris canar leinn na Tulaichean. ’O Thulaichean, &c. [TD 125] II. B’ ann an Tigh na Sraidè, A thug iad ionnsuidh bhàis air, ’S mur bitheadh è ro ladair, Bha ochdnar nàmh ro mhurrach air. ’O Thulaichean, &c. III. Ach labhair Iain-Dubh-Gearr riubh, Bha mi ann ’s a cheardaich*, ’S cha chrom mi sios mo cheann duibh, Ge d’ thionndadh sibh uile rium. ’O Thulaichean, &c. IV. ’N sin bhuail iad uil’ air còladh, ’S ge d’ bha Iain Dubh na ònar, Cha-b-ann d’ am buannachd toiseach, Bha fuil mu’ shroin na h-uillè fir, ’O Thulaichean, &c. V. ’S ’n uair thaisg e suas a gheur-lann, ’S a dh’ ioc e mheud ’s a dh’ eigh è, Do thug e ’n sin Srath Spè air, ’S bha tè ann a chuir furan air. ’O Thulaichean, &c. * Alluding to his being armed. [TD 126] VI. Chuir iad cuideachd ladair, Ann deigh Iain Duibh Mhic Phadric, ’S ’n uair shaoil leo è bhi ’n sàs ac’, ’S e bàs bh’ air a chumadh dhoibh. ’O Thulaichean, &c. VII. Oir thainig fios an uaigneas, Do ’n t-shabhal, ’s è na shuain ann, “Tog ort, Iain Duibh, ’s bidh gluasadh, ’S thoir as cho luath ’s a ’s urra dhuit.” ’O Thulaichean, &c. VIII. ’S e thuirt a leannan ceutach, “A ghaoil, cuir ort! ’s bidh treunmhor, Is dhuit bithidh mise feumail, Oir eiridh mi gu ’d chuideachadh.” ’O Thulaichean, &c. IX. “Thoir uidheam dhomh gu surdail, Is lionaidh mi gu dlùth dhuit; ’N sin cumsa, ghraidh, do chùl rium, ’S do shùil air na h-uilè fear.” ’O Thulaichean, &c. [TD 127] X. Sheall e cia lion bh’ ann diu, Mu ’n rachadh e gu ’n ionnsuidh; Bha dà fhear dheug, a’s ceannard, Co teann air ’s a b’ urra iad. ’O Thulaichean, &c. XI. Chum e riu a bhòtach, ’S bha Isabail ’g a chònadh, Cha do thàr iad gus an eolas, ’S ann leon e gu h-ullamh iad. ’O Thulaichean, &c. XII. Ghearr e leum gu h-eatrom, Gu ’n ionnsuidh, agus fraoch air, Cha d’ fhag e ceann air h-aon diu, Thoirt sgeul air an turas ud. ’O Thulaichean, &c. XIII. Mo bheannachd air an t-shealgair, An-ad chuirean earbsa, ’S tu rinn an gniomh neo-chearbach; ’S tu dhearbh a bhi urramach. ’O Thulaichean, &c. [TD 128] XIV. Thuirt Iain Dubh, ’s e tionndadh, “’O n’ rinn mi ’n gniomh bha shannt orm, Ghaoil, grad thoir deoch do ’n leann domh, ’S gu ’n danns’ mi na Tulaichean.” ’O Thulaichean, &c. XV. Gach breitheamh fad na tìrè, Mu labhras iad an fhirinn, Do ’n thig do cheol a fìlean, Dhuibh ’s e ’n righ na Tulaichean. ’O Thulaichean, &c. XVI. Tha Tulach-gorm is Seann-triubhas, Ro anamail ann ’s an am so, Is ge do tha, cha samhl’ iad, Do m’ annsachd, na Tulaichean. ’O Thulaichean, &c. XVII. Ge math a Chutach-chaol-dubh, ’S gach ceol ata re fhaotain, Cha d-thig iad mar fhad glaoidhe, Do m’ ghaolsa, na Tulaichean, ’O Thulaichean, &c. [TD 129] XVIII. B’ e ’n t-aidhear is an t-aoibhneas, ’N àm cruinneachadh re cheilè, ’N uair chluinneadhmid na teudan, Ga ’n gleusadh do na Tulaichean. ’O Thulaichean, &c. XIX. Air fèillibh, no aig bàinnsibh, ’N uair theid an deoch nan ceannsa, Gu ’n eirich fonn air seann daoin’, A dhannsadh nan Tulaichean. ’O Thulaichean, &c. XX. Na ’m bithinn mar bu ghnath leam, ’S Mac Ailpain a bhi laimh rium, Bu bhinn leam bhi ga èisdeachd, ’N uair thàreadh air na Tulaichean. ’O Thulaichean, &c. XXI. Ge d’ tha mi leth-cheud bliadhna, ’S mo chiabhagan air liathadh, Cha tugainn fein mo bhriathrean, Nach iarrain na Tulaichean. [TD 130] ’O Thulaichean gu Bealaichean, ’S ’o Bhealaichean gu Tulaichean; ’S mur faigh sinn leann ’s na Tulaichean, Gu ’n òll sinn uisge Bhealaichean. ORAN XXI. TUIREADH AIRSON SLIOS MUN RAINNEACH. I. THA mulad mòr is cràdh orm, Na daoine coirè gradhach, A chunnaic mi ’n deagh àitè, Bhi ’s an àm so gànn: B’ fhear dhoibh an cuir gu bàs, ’O n’ tha Cìll Chonnain laimh riubh, Na bhi beo ga ’n saruch’, ’S gun àird’ orra ann. Camuseireachd-mor an fhàsaich, ’S Baile-nan-tòm laimh ris, Far an robh na h-armuinn, Luchd àbhachd nan gleann; A dhireadh ris na h-airdean, ’S a leageadh damh na cràicè, Cinn aoidhean agus chairdean, Nach b-àbhaist bhi teann. [TD 131] II. Tha càll do Thigh Aldlochrain, Gu ’n deach an cuir air fogradh, Cha b’ e fail’ an reòta, No ceò fuar nam bean, A gheibhte ga òll ac’, ’S e bhiodh ann Fear-an-Toisaich, ’S ge d’ òladh iad an leor dheth, Cha leonadh e ’n ceann. Ach dh’ fhalbh an fhearas-mhora, An subhachas ’s an sòlas, Ge d’ theid iad do ’n tigh-òsda, Cha ’n òll moran ann; Ann àit’ nan searrag mhora, Riamh bha aig na connsbuinn, ’S an ghlaoidheas iad air brònain, Is ceol cha bhidh ann. III. Ge d’ theid mi bhun na dùcha, Tha Torr-a-chruidh gun smùid ann, Gun aidhear is gun sùgradh, Gun mhùirn, gun seol danns’; Gun bhà, gun ghreidhean du-ghorm, Re ’m faicinn air na lùbaibh; ’S e fàile nach eil cùraidh, Dh’ ìm salach, ’s ùilè th’ ann. [TD 132] Cha ’n fhaighear damh na maoiseach, Ann ’n coire no air aonach, Le mèilich uan is chaorach, Cha ’n fheud iad do ’n fhridh: Na sealgairean ga ’n caoineadh, Bu mhinic a ghearr gaoth air Buidheann nan cas caola, ’S a dh’ aom iad gun chlì. IV. Tha cleachdan is deagh ghnàthan, Bha aig na linnibh dh’ fhag sinn, Air dol an aghaidh nadair, Ge nàr e re inns’: Ge d’ thig a ghearr gu dàna, A dh-itheadh an cuid càìl orr, Mu chuirear i gu bàs leo, Na h-armuinn thig fo chìs. Gur e a bhuair na Frangaich, Gu teachd a nàll na ’r n-ionnsuidh, ’S gu sinnè chuir gu teanndachd, ’S an àm so le ’n strì, ’O n’ chual iad gu ’m bu chaoiraich, Bha ’n àitè ar cuid daoine, Thug sud dhoibh moran aobhair, Nach glaoidheadh iad an t-shìth. [TD 133] V. Thoir leam gur mor an dearmad, Do Uaislean Gàeltachd Alba, An Tuath a leig air falbh uainn, Thar fàirgè as an tìr; Nach b-fhear na ioma caora, Aon duine thairneadh faobhar, ’N uair thigeadh àm na caonaig, Ann aobhar an Righ? Ach chuir iad air faontradh, ’O n’ bha na màil cho daor orr’, Is raoighnaich iad na caoiraich, ’S chaidh sgaoile ’s an ni: An àitè ìm’ is càifè, A chuireadh sùgh na ’n cnamhan, ’S e blianach is bunntatadh, A ghnà an teachd-an-tìr. VI. Na ’m bithinnse am Uachdran, Cha chuirinn iad cho suarach, ’S cha b-òr a bheireadh uam iad, Bu luachmhor leam fein Mo cheathairne bhi mu ’n cuairt domh, A seasamh suas re ’m ghualain, ’N uair dh’ eireadh cath no cruadal, Bu chruaidh iad bhriseadh cheann. [TD 134] Chaidh nise an geur ruagadh, ’S chaidh moran thar a chuan diubh; An càll e dhoibh, no buannachd, Dhomh cha ghabh luaidh gu dearbh; Ach do n’ tha ’n so san uair so, Tha moran diubh nan truaghain, An cònuidh cuir re ruàradh, ’S a bualadh beagan sìl. ORAN XXII. AIR GAOIL. I. AIR dhomh dusgadh ’s a mhadainn, Chual mi sgeul as an Apuinn as ùr; Sud chuir smuairain air m’ aigne, ’S cha ghluais mi ann cabhaig le sunnt; Tha eallach air m’ inntinn, ’S cha ’n urra mi direadh ach fòil, ’S ge d’ theid mi do m’ leabidh, Cha ’n fhaigh mi an cadal le bròn. II. Cha ’n ioghna dhomh fhein sud, ’S gu ’n tug i gu leir uam mo chrì; Cha ’n eil fo na speuran, A bheir mi as m’ easlainnt ach i; [TD 135] Gu ’n rachainn do Shassan, No na b-fhaide air astar gu ’n sgios, A dh-iarruidh do phoigè; Och, Och! ’s e mo leon bhi ga dìth. III. Tha do bhuaidhean do-aireamh’, Gheig ùr, mhaisich, aluinn, ghlain, rèigh: Gruaidh mar ubhall ann gàradh, Beul is binne no clarsach nan teud. O! ’s gileadh do bhragad, No canach a chadhair ’n cois slèibh, ’S ge mor dhomh ri radh e, No ’n sneachda a thainig ’o ’n dè. IV. Cha ’n eil cron cumachd do m’ ghradhsa, Tha i iomlain, ’s mar b-àill leam, ciùin, caoin; Oigh mhìn, mhaiseach, bhàn-bhasach, ’S lionmhor fear bha an geall air a gaol, Eadar àllt Chamus-fhearnan, ’S an gleann as an teurnadh na laoich; Ach ’s mis’ th’ air mo chradh dheth, Nach fhaigh mi gu brath i re ’m thaobh. V. Ceann na ceill is a ghliocais, Cràbhach, dèirceach, ’s i iochdmor gu ’n bheud; ’S i labhradh an fhirinn, ’S cha bu ghnath le bhi ’g innse na ’m breug: [TD 136] Ceann aoidhean is dhillsean, Cridhe faolidh, ’s lamh an sineadh da reir; Ceann nam feumach ga rireamh, ’S ioma beannachd tha fìlte fo sgèith. VI. Mu chromadh an anamoich, ’N uair bhithinn riut seanachas gu ciùin, Cha b-fhada gu dearbh leam, An oidhche, na ’n sealbhaichean thù: Tha thu cuimair, neo-chearbach, ’S cha ’n fhacar riamh fearg ann a’ d’ ghnùis; Mar dhealbh bradain do chalban: Leam bu mhiann a bhi sealg air mo rùn. VII. Ach ’n uair thainig do litir, Bha mo chridhe a clisgeadh a’ m’ chrè; ’S ’n uair a leubh mi gu tric i, Dh-fhalbh mo leirsinn, ’s mo mhisneach gu leir. ’S e fhuair mi, gu m’ dhoruinn, Gun caillain mo choir air an tè Ann ’s an robh mo làn dochas, Gum biodh i co deonach rium fhein. VIII. O, Ghraidh! rinn mo leona, Cha do shaoil mi gu ’n cluinnain an sgeul, Gun aicheadh tu buileach, An cairdeas bha ’n uirridh cho rèidh, [TD 137] ’S gun cuireadh òr ceo air t-fhuran, ’S mis’ fhagail re tuireadh a’ d’ dhèigh, ’S gu ’n geilleadh tu ullamh, Do fhear a bha cumadh nam breug. IX. Ach mur pill thu rium tuille, Gu ’m bidh mi fo mhulad ’s fo ghruaim; Ge d’ chluinn mi ceol fidhill, Cha tog e mo chridhe, ’s cha ghluais; Ach mo shuilean bidh snitheach, Ge d’ bu duchas dhomh misneach is cruas, ’S bidh mi tuille fo mhi-ghean, A caoidh na tha dhìth orm ’s gach uair. X. Ach ’n uair chualadh mi caithream, Na piob teachd a’ m’ charamh anuas, Sheall mi ’n sin air mo chailaig, ’S bha na deoir cuir car dhiubh mu gruaidh; Na ’m biodh ann sud agam, Na treun-fhir a Rainneach re ’m chluais, Cha robh air do bhanais, Na chumadh mo leannansa uam. [TD 138] ORAN XXIII. DO DHUIN UASAL ARAIDH DO CHLOINN GHRIGAIR. I. A CHOLLA Mhic Alastair, ’S aoibhinn an sealladh, Do d’ dhìllsean tha tarais, Bhi marriut gun dail; Gur lionmhor fear t-fharraid, ’O n’ thainig thu tharais, Nach diultadh leat tarruing, Ann carraid no ’m blàr. ’S e do bheatha do dh-Alba, ’S cian ’s gur fad ’o na dh’ fhalbh thu; ’O n’ chaidh thu thar fairgè, ’N sin dhearbh thu mar bha. Bu dreachail thu t-èididh, Na d’ charaid do ’n fheumach, Cha striochdadh tu dh-eacoir, ’S cha ’n eisdeadh re tàir. [TD 139] II. Tha sgriobhairean ceutach, ’S fir-lagha Dhun-eidin, A gabhail do sgeilsa, Le aoibhneas ’s gach àit’; A farraid do cheile, “Am fac sibh an treun-fhear?” “O chunnaic! ’s gu ’m b-eatrom, A cheum air an t-shraid.” ’N uair theid thu Bhochudir, Gu ’m faic thu a chuideachd, A dh-eireadh gu h-ullamh, ’S nach cuireadh tu ’n call; Gu ’n cruinnaich do ’n chlachan, Na ceudan gu t-fhaicinn, ’S a dh-eisdeachd le h-aiteas, Ciod thachair dhuit thall. III. Bidh Donacha Mac Phadric, Air thoiseach nan Gàl ud, Gu fiughantach, failteach, ’S cruaidh ladair a lamh; Na searraig ga ’n traghadh, ’S na sligeachan lan ac’, ’S iad ag òll do dheoch slainnte, ’O n’ thainig thu nall. [TD 140] Bidh Colla ’s Catriana, Gu cùramach, dionach, Gu furanach, ciallach, A riarachadh chàich, Ann an talla na fialachd, Far am faighte ’n deogh bhiatachd, ’S an deoch am bidh ioc-shlaint, Ga riarach mar b-àill. IV. Cha ’n ioghna leam fein iad, Bhidh subhach mu d’ dheibhin, Oig’ cheannsalaich, threine, Cheutaich an aigh; Tha tuigse, tha geurad, Is gliocas is beusan, An ceangal re cheile, ’S dhuit a geilleadh, is gradh: Tha oilean, tha eolas, Marri seirc, agus foghlum, Tha misneach, is sealtachd, An cònuidh a’ d’ cheann; Tha buaidhean an armuinn, Cho lionmhor air fàs suas, ’S nach gabh iad dhomh aireamh, Mar b-àill leam san am. [TD 141] V. A Tigh Ghlinnegòill Thainig taghadh an t-shaighd’ear, Gur càr thu do ’n oighre, Air tha aoibhneas san tra s’; Thu do churaidhean calma, Is tric a chaidh dhearbhadh, ’S nach d-fhuaradh riamh cearbach, No cealgach ’n aon àit. Na giomanaich shealbhar, A shiubhladh an garbhlach, ’S a dheanadh an-t-shealg ann, ’S bhiodh an alachuinean làn: Gu ’n robh iad an Alba, A cuairteach nan garbh-bheann, Mu ’n dainig Righ Fear’as, Le dearbhadh a nàll. VI. Sar Ghrigareach gast thu, Do n’ fhuil righail, reachdmhor, Na ’m piob is na ’m bratach, Na ’m fras is nan lann; Ga ’m bu shuaicheannas giubhas, A direadh a bhruthaich, ’S a lubadh an iubhar; Luchd bhuidhinn nan geall. [TD 142] ’S e bu mhiann leis a bhuidhinn, Bhi cuir shaighdean na ’n siubhal, A dheanadh am puthar, ’S nach cumadh ’o n’ namh; ’S ioma Righ tha do d’ chinneach, Na ’n sineadh fo ’n t-shileadh, Ann an I-Challum-chìllè, Ann Innis a ghrais. RANN DO SHLUAGH A THUG AIR FALBH GIUBHAS A CHEANNAICH AM BARD; MAILLE RIS AN ORAN A LEANNAS. Mo chreach nach saoradh rann mo chean! ’S dheanain i san am le deoin, ’O n’ tha ’n tairgead cho gann, ’S a bhean ’s a chlann a cuir re bròn. Mu dhiolas mi an ni nach d-fhuair mi, Tha sin ormsa cruaidh gu leor: ’S mur faigh mi an cabhaig fuasgladh, Theid mi cìnnteach chum a mhòid; Ruigidh mi Mor-fhear Bhraighdalbinn, ’S togaidh mi stararich ro mhor: ’S ’n uair dh-innseas mi gach ni le dearbhadh, Cha bhi m-fharmad re luchd froig. [TD 143] Theid na gaduichean a thearbadh, ’S cuid a chuir air sealbh Righ Deors’; ’S cuid eil’, is gad mu ’n sealbhan, ’N uair dheireas fearg an Fhir-mhoir. Cha b-ioghna leam sud a thachairt, Do gach balach rinn mo leon’, Le geal-srath’reach air mo dhroman, Toirt a chonnaidh thun an ròid; ’S mu ’n d-fhuair mi dhachigh mhor na bheag dheth, Thug na beadagain e leo, ’S cha d-fhàg iad urraid dealg marraig, Do na tharruing mi ’n dà lò. —Chuir mi sgriobhadh suas air crann, Chumail shanntach as mo choir, “Buinidh ’n earain so do ’n Bhard, Is gu brath na beanibh dho; Ma bheanas, cha bhi ’ur duais gu ’n dioladh, Ma mhaireas mi ach bliadhna beo.” [TD 144] ORAN XXIV. DO ’N DREAM THUG AIR FALBH AN GIUBHAS. An Luinneag. O gur mise tha fo mhi-ghean, ’S nach fhaigh mi mo cheann a dhireadh; Is ge do tha mi gann do ni, Bidh cliù math is firinn a’ m’ shiubhal. I. ’N UAIR fhuair mi ’n sgeul nach bu bhinn leam, Rainig mi Mac-ghille-Mhichail, ’S ge d’ shaoil mi e ga m’ bhìnneadh, Chuir e ormsa ioma furan. O gur mise, &c. II. Dh-eirich e gu suairce cairdail, ’S chuir e mis’ a’ m’ shuidhe laimh ris, Is dh-fheoraich e dhiom cia mar bha mi, No ’n iocainn ann san tra an giubhas. O gur mise, &c. [TD 145] III. Labhair mi le còradh cianail, “Thainig misè leis an riadh dhuit, ’S mu bheir thu dhomh dail gu siorruidh, Ort cha chuir mi mi-thlachd tuillè.” O gur mise, &c. IV. “Nach mòr ata thu dhomh fo fhiachaibh, Nach do ghlac mi fhathasd riamh thu, ’S gu ’m bheil am fiodh leam fein air iocadh, Tha dà bhliadhna uaith an uirridh.” O gur mise, &c. V. “Mo bheannachd aig Gilleasbuig Caimbal, Chuir an teachdareachd a t-ionnsuidh, Dh-innseadh dhuit gu ’n deanainn rann ort, Mur cuireadh tu rium teann mu ’n ghiubhas. O gur mise, &c. VI. Ach mu ’s eiginn iocadh trathail, Theid mi Dhrumain suas, ’s cha dail dhomh, ’S gearraidh mi gach craobh ta àrdè, ’S air mo laimh gu ’m mìll mi uill’ iad.” O gur mise, &c. [TD 146] VII. Thuirt e rium, “Na bidh cho dàna, Nach cuir mise ann an sàs thu, Mu ghlacar thu ameasg na ’m mearleach, Ciod an stà ni dhuit do bhuidhinn?” O gur mise, &c. VIII. “’S mi nach diultadh bhi ga dhioladh, Na ’m faighinn gu m’ fhardaich trian dheth, Ach mu ’n d-fhuair mi gearrain g’ a iarruidh, Thug na diabhaill e air siubhal. O gur mise, &c. IX. O bu chraiteach is bu sgìth mi, A sìr theurnadh is a dìreadh, ’S mu ’n d-fhuair mi tharruing gu crìch leam, Chuir na h-ìnich e ’n cùil-chumhaing.” O gur mise, &c. X. “Bidh gabhail dhachigh air an trà so, Far am bheil do bhean ’s do phàisdean, ’S cha tathaich misè nis’ gu bràth thu, ’O n’ is Bard thu tha ro dhunail. O gur mise, &c. [TD 147] XI. “Gu ma marionn dhuit gu ’n aomadh, An deagh shlaint’, an ceann do theaghlaich, Piseach is buaidh air gach aon dhiubh, Gun aobhar caoinè, no cumhadh. O gur mise, &c. XII. ’S gu ma fad thu ann a t-àite, Gu ’n luchd mi-ruin ghabhail fà ort, ’S e mo ghuidheadh thu bhi ’m Pharos, Thu fein, is na dh-fhagas a-d dheigh.” O gur mise, &c. ORAN XXV. AIR GAOL. I. THUG mi gradh dhuit a Sheonaid, ’S ni ’n rabh thu ach òg ann ’s an àm; ’S cha b-ioghna sud domhsa, ’S ioma fear bha ’n toir ort gu dearbh, ’S a bhitheadh ro dheonach, Na ’m faigheadh iad poisd’ thu air laimh; Ach tha mi ’n lànn dochas, Gur mise am ònar leat ’s àill. [TD 148] II. Gur deirge do ghruaidhean, No ’n caorunn tha shuas air a chrann, Aghaidh chorruch, ’s i mòdhar, Dà fhuil mheallach, fo mhaladh ma ghraidh; Beul ro bhinn ’o ’n tig oran, Mar smeorach air bharuibh nan aird; Bu mhillse do phog dhomh, No mhil thair a mhonadh ud thàll. III. Gur lionmhor leam buaidh ort, Tha thu iorasal uasal ’s gach àit’; Bha mi ’n deas agus tuath dhomh, ’S cha ’n fhaca mi tuairmse do m’ ghràdh, Ann an oilean ’s an eolas— ’S mar an neonain do bhragad air fàs; ’S na ’m faighinn re phòs thu, Gu ’m bithean an sòlas gu brath. IV. Is tu rinn mo leonadh, ’O n’ ghabh mi ort eolas air thùs, ’S mu ni thu mo threigsinn, Ga ’m fag thu mo chrèachdansa ciùirt.” Tha do mhaise ’s do bheusan, Aig lionadh mo chridhè ’s mo shùll, ’S mur leighis thu fein mi, Gu ’n glacar le h-eug mi ’n gearr ùin’. [TD 149] V. ’S tric mo shùil air an ionad, Far ’m bu mhiann leam bhi mireadh ’s a muirn, A g-òll is ag iomairt, Is ceol aig an fhidhill re ’r cùl; ’S ’n uair a dheanamaid suidhe, Bhiodh gach càraid a bruidhean gu ciùn; ’S ann an iochdar a Bhileadh, Bha ’n aluinn thug sileadh ’o m’ shùil. VI. Ach bu dìombach mi, Mhoraig, ’N uair dh-aithris i ’n còradh bha faoin, Chuir t-athair an dochas, Gun robh mi am ònar re d’ thaobh: Ge d’ bha ceath’rar is corr ann, ’S sinn neo-chiontach uile mar aon, Fhuair mise mo leonadh, ’S cha d-thainig thu Sheonaid dheth saor. VII. Ach ’s mor aobhar mo mhulaid, ’S mi daonnan mar dhuine fo phramh, Nach fhaic mi dhiot urrad, ’S do ghlacadh le furan air laimh; Bidh grad, is cuir umad, ’S gu ’n gabh sinn ur turas gu ’n tamh, Do Dhun-eidin, no Lundhuinn, ’S mu ’s eiginn, gu ’n ruig sinn an Fhraing. [TD 150] VIII. Cha tig sinn chaoidh dhachigh, A dh-fhaotuinn na h-achasain ghèir; No dh-iocadh an ùlamh, Oir bhitheadh an suilean na dheidh: Ge d’ bhiodh t-athair dheth diumeach, Bidh mis’ air do chùl ann am feum; ’S ge d’ ni thu mo phusadh, Cha b-ann dh-fhochunn an dùnain mo threùbh. IX. Cha bu chailè ’o ’n bhuachar, A bhrosnaich a-m buaireadh so ’m fheoil, Ach slat do mhnaoidh uasail, ’S do leadain mar thuairnean do ’n òr: Tha gach grinnead is àilleachd, A ruigheachd ’o d’ bhraighe gu d’ bhroig; ’N uair chluinninn do ghairè, Gu ’m b-aoibhinn leam mànran do bheoil. X. Cha b’ e fàile na breine, A bhitheadh a g-eiridh ’o d’ chom, No rudhadh nan èilean, A thràghadh mar eiridh nan tònn: Ach mar ghrian sa mhìos Cheitain, A dealradh re aoduinn nan tòm; ’S fonnar, connar, caomh, ceutach, Thu ghraidh; tha ceud ort an geall. [TD 151] XI. Bu mhiaghail na gallain, ’O ’n dainig an ainnir ghlan ùr, Tha iad ainmail ’s an talamh, Siol Dhiarmaid, bha tairis do ’n Chrun: Bidh Mac Iain Riadhaich, ’s Mac Chailain, Nan cairdean dian daingean re d’ chùl, ’S am Fear fiachail tha ’m Bealach.— O ’s lionmhor gach caraid bhiodh dlù’. ORAN XXVI. AIR MUILLAIR SRATH-BHREAMHUINN. I. NA ’M faicinn fear dol ris a mhonadh, Gu ’m b-urra mi ga sheòladh; ’S na ’n ruigeadh e Baile-mhuillinn, Cha bu chunnthart lòn da: Chuirinn beannachd thun a Mhuillair, Thun Uilleam agus Sheònaid: Iad a dh-òlladh orm le furan, A chumail suas an eòlais. [TD 152] II. ’S an uair a thachras sinn r’ a cheile, Gur aoibhinn a chòail, Cuiridh sinn air chùl an eiginn, ’S gun teid sinn do ’n mhòr-thigh; Labhraidh Seumas le deagh bheusan, “Nach eirich thu Sheonaid, ’S thoir dhuin an deoch ni feum dhuinn, ’S gum fàs sinn eatrom spòrsail. III. “Lion an t-shlig’, is cuir mu ’n cuairt i, ’S na seall gruamach oirnè, ’S gu ’m faigh mo charaid gu luath i, A dh-fhogairt fuachd an reòta. Ge d’ shuidheas sinn gun ghluasadh, ’O Luain gus an Dònaich, Cha ’n ioc e geal no ruadh, Ach duanagain is orain.” IV. Their bean an tighe, gu cianail, “Gur biataiche còrr thu; Ach mu chumas tu ris bliadhna, Bheir e biadh do bheòil uait; ’S tric a chuir e ormsa mi-thlachd, Ga ’m iarruidh re phòsadh, ’S cha chaisg na ’s urra dhuit a dhioladh, An tart tha shios na sgòrnan.” [TD 153] V. “Ge d’ òll e na th’ agam uile, Cha chunnthart idir dhomhsa, Oir bidh mi daonnan murrach, Le slainnt’, is muillean còladh: Thoir dhuinn gu h-ealamh an t-shearrag, Is cuir an so na ’r còir i, Cha dealuich mi re Mac Ghrigair, ’O n’ tha misneach mhòr ann. VI. “Biodhmaid cridhail, sunntach, fearail, Fileant’, smearail, ceolmhor; Na cluinneam ’ur caoi no ’ur gearain, ’S a lea-taobh cuiribh bròn uaibh; Fhad ’s a mhaireas sinn ann ùine, Cha ’n eagal ann òll dhuin; Cha toir an t-ùmaidh ni fo ’n uìr, Na ’s mù na bheir an t-òll’ear.” VII. Their bean an tighe rithist, “Na bithibhsa cho gòrach, ’S fearr leam sibh bhi tric a tighinn, Na suidhe fad cho cònard; Tog ort, Iain, ’s gabh an t-shlighe, ’S ruighinn leam do sheolsa; Cha leig mi deur tuille a’ d’ mhinid, ’S co ionnan leam ’s a dhòrte.” [TD 154] VIII. “Oluidh sinn deoch an doruis, Ge b-oil leat e a Sheonaid; ’S fhad ’o n’ chualas i bhi sona; Molaidh sinn re ’r beo i: Tha i cumail gaoil is cairdeas, Ameasg nan Gael còire; Cha ’n eil fios am bidh sinn tuillè, Ann an cuideachd còladh.” IX. Glacaidh e an sin air laimh mi, ’S gann nach toir e pòg dhombh; Is their e, “Gu ma mairionn slàn dhuit, Gu teachd a nàll ga ’m fheorach; ’M fad ’s a mhealas mi mo shlainte, ’S nach caill mi an t-eorna, Cha bhi mín a dhìth air t-àros, ’S na h-àite bheir thu ceol dhomh.” X. “Gu ma fad thu ’n ceann do theaghlaich, Gun bhraonadh gun leonadh; Lean thu ’n duchas bh’ aig na daoine, Nach do chaochail dochas, Bha cruadalach gun chlaonadh, ’S nach d-aom riamh leis a ghoraich, ’S a tharruing an lannan ’s a chaonaig, Ann an aobhar Dheorsa. [TD 155] XI. Ge d’ chanas iad riut Finndail, Cha ’n e sud ’s inntinn dhomhsa, ’O na tha mi fiosrach cinnteach, Ciod na suinn bh’ air thòs ort; ’S Foirbaiseach do shloine direach, Nach striochda do dho-bheairt; Ann Cùil-fhoddair bha do shinnsir; ’S ann fo ’n cìs tha ’n Tòiseachd. XII. Tha do chinneach lionmhor ladair, ’S àitean ro mhor ac’; Iad air sgaoileadh ann ’s gach ceairne, Bhos is thall do ’n Eorpa: Tha iad cruadalach ’s na blàribh, ’S ladair ann ’s a chòraig, Agus measail ann ’s gach duthaich, Seadh, tha cuid dhiubh ’n luchairt Dheorsa. XIII. Their gach neach ghabh eolas riamh ort, Gur fior dhuine coir thu, Tha gu ciallach, failteach, fialuidh, Gun mhi-thlachd, gun mhorchuis: ’S ann ’s an duthaich tha iad lionmhor, Bheireadh ias’d do ’n òr dhuit; Cha ’n fhaca mi an ear no ’n iar, Do ’n striochdadh tu a’ ’m mòr chath. [TD 156] ORAN XXVII. DO MHNAOIDH ARAIDH. I. ’S AN Tombreac, a’ ’m Braigh Fassuidh, Tha bhean eireachdail, thaitneach, ’s i ciùin; Agus uasal na h-aigne, Uaip fhuair mi tlachd agus mùirn: Ge d’ rainig mi anamoch, Cha do mheall i mi ’m earbsa no ’m dhùil, Gur i nach robh cearbach, ’S mi gu ’m feudadh a dhearbhadh gu chùl. II. Ceann aoidhean is fheumach, Ceann na tuigse, na ceill, is an tùir; Ceann na sìth is na rèite, ’S a labhras gu geur air gach iùl; Ceann-uidhe nan ceud i, Fhad ’s a theid mi gun eigh mi a cliù; Cha b-aircè, ’s cha b-eiginn, Bhiodh aicè, ach gleusanna ùr. [TD 157] III. Dhuibh innsam a h-aogus, Mar an aoilin ’o bonn i gu ceann; Mu chi sibh air feill i, No ’n clachan na ’n ceud, ’s i air thùs: Tha ball-seirce na h-aoduinn, ’S beul tana, mu dheudaich ghil dhlùth; ’S a cuailain mar theudan, Cuir dalladh air leirsinn gach sùl. IV. ’N igh’n Iain Mhic Eachain, Lean thu ’m beachd bu dual dhuit, ’s an t-iùl, Bh’ aig na h-uaislean bha reachdmhor, ’S air ’m bu shuarach am beachd sin nach b-fhiu. Be am miann bhi toirt seachad, ’S na dheigh cha rachadh an sùil; ’S iad nach togadh an deachamh, As a ghainne, a leasach a ’n lòin. V. ’N taobh eille do ’n linneadh, ’S tric do chinneach a sireadh na ’n stùc, ’S a direadh an fhirich, Le ’n gaodhair ’s le ’n gillibh gu dlùth; Na fir mhora gun tiomadh, Bha treun ann ’s gach iomairt ’o ’n tùs, ’S le giorrag nach pilleadh, Ge d’ rachadh a-m milleadh gu ’n cùl. [TD 158] VI. ’S ann a ’m Muile na ’m mor-bheann, Agus Morearnidh ’n t-shloigh ga ’m bheil iùl; A gheibhte na connsbuinn, ’S an luchd-leanmhuinn ga ’n cònadh gu ’n cùl: Clann-an-Leathinn ’o n’ Dròlinn, Nach labhradh an scleo mu aon ni, ’S ge d’ bu tric chaidh an leonadh, Co is urra an coir a thoirt dhiu’? VII. B-ann an Aras a chruinnich, Na h-armuinn ’o iomall gach dùth’ch, ’S mu ’n d’ fhalbh iad air thuras, Bu chalma gach curaidh bha dhiu’; Bu ghoirt gaoir nam ban Muileach, ’S iad nam banntreachain uilè, gun dùil, ’Sìr chaoineadh ’s a tuireadh, ’S an luchd gaoil agus furain ’s an ùir. VIII. ’S è blàr In’erchetain, Dh-fhag ’ur mnaithean trom, deurach, ’s fo thurs’; Ge d’ thug an Righ as an eiginn, Cha d’ fhurich sibh dh-eisdeachd ar cliu; Chaidh Eachunn gun gheilleadh, Chuir a chath, le threun-fhir as ùr, ’S bu chràiteach an sgeul è, Thuit tri fichead, ’s tri cheud, ’s am fear iùil. [TD 159] IX. Ach com’ an leiginn air di-chuimhn’, No ’n cuirinn thu, Shìne, air chùl, ’O n’ d-fhuair mi a bhiatachd, Le cridhe mor fialuidh, ’s deagh rùn? Ge d’ nach urra mi dioladh, Bidh i ’m chuimhne mar fhiachanna ùr, ’S mu mhaireas mi bliadhna, Bheir mi an riadh dhuit, le cliu. COMHAIRLE A BHAIRD DO SHIOLL AILPAIN. FHIR a dhealbh air thùs na Gael, Beannuich iad ’o ard gu iosal, Beannuich iad ’o liath gu leanamh, An co-thional ata ’n Strilah. Beannuich am biadh is an deoch dhoibh, ’S gach sochair eile ata iomchuidh; Naomhaich agus beannuich gach aon dhiubh, Is cum iad daonnan fo dheagh iomradh. Sibh’ ’ta na ’r n’ iochdrain, na diultibh Bhi umhail air gach iarrtas, Deanaibh dligh’ do ’r Righ ’s do ’r Duthaich, ’S e so ur co-cheangal le ’r briath’ribh; [TD 160] Thugaibh aire mhath do ’r giulan, Glacaibh bùntum, ’s bithibh ciallach; ——’S RIGHAIL ’UR DREAM, ’s be ’ur duchas, Bhi gu fiughantach, fialuidh: Sibh Clann AILPAIN nan lùireach, Nan clogaidean dù-ghorm, ’s nan sgiathan, Aig an robh crun na h-Alb car ùine, Ga ghiulan gu baighail riaghailteach. ORAN XXVIII. DO THAILAIR MUILEACH. I. ’S ANN am Beinn-ghael, A bha ’n tailair acfhuinneach, Cha bheag a thamailt, Mu dh-fhag a thapachd e; Ge d’ ’s mor bha shugradh, Ann Niall Mac Dhughaill, Gum bheil mi ’n duil, Gun do chìur Nigh’n Ailpain e. [TD 161] II. An la a phòs e, Bu luthar tapidh e, Gun fhiamh gun eagal, Gun diultadh gaisge leis; Bha oighean stuama, Is fleasgaich shuaircè, Gabhail dhuanagan Gach uair mar b-aiteadh leis. III. Bha muirn is ceol, Marri òll is aidhear ann, Gun chaon’ air brogaibh; Gur mor a chaith iad dhiubh; Gach deoch bu mhiann leo, A chasgadh iota, ’S bu phailt am fion ann, Ga riarach ’nasguidh orr. IV. ’N uair sgaoil na h-armuinn Bha ladair macanta, Gu caomhail cairdail, Mar bha ’n uair thachair iad; Chaidh chàraid ghradhach, A chuir gu sàmhach, Ann leabidh chàruicht’, Ladir, bhacanach. [TD 162] V. ’N uair chaidh ’m fear-ciuil, A thoirt dusgadh maidne dhoibh, Chualadh mi gu luath, O thriuir! mar thachair dhuibh: Bha ’n tailair brùite, ’S e air a cul-thaobh, Bu bhochd a chrùban, ’S bha shuilean prabach aig’. VI. “O bithibh gluasadh, Gu luath, ’s gu ’m faic iad sibh Ameasg nan uaislean, Thug cluain is caidreamh dhuibh; ’S a chum an gualainn, Ruibh an ’s gach cruadal, Grad eiribh suas, Ciod an truaigh le ’m bacar sibh?” VII. ’N sin thionndadh ’n òg-bhean, ’S le deoin gun d’ aidmhich i, “Cha d’ thain e ’m choirsa; O choin! ’s an chaidail e: Cha d’ thug m’ fhear pòsda, Dhomh fiu na poige, Cha d’ fhuair e foghlum, ’S bu mhor an gealtair e.” [TD 163] VIII. “O bheir sinn uait i, ’S na luaidh na ’s fhaide oirr’! Cha robh thu buadhar, ’S cha d’ fhuair thu ’n caladh aic; Gur iad na cluasan, A thoil thu bhuain dhiot, ’S do gheur-ruagadh, ’O n’ ghruagaich thaitinich.” IX. ’N sin thuirt an tàilair, Gu dàn’, ’s e carachadh, “Cha d’ rinn mi stà dhith, Ge nàr re aithris e; Ach bithibh sàmhach, Ge d’ chuir mi dàil ann, Tha fhathasd trà air,— O fagaibh agam i.” [TD 164] ORAN XXIX. TUIREAGH A BHAIRD. I. EISDIBH, dhaoine tha dubhach, Re ’m chaoineadh ’s re ’m chumhadh, ’S mi ’m aonar re tuireadh, ’S mor aobhar mo mhulaid, ’S mi daonnan a sruthadh nan deur. ’S mi daonnan, &c. II. ’S bochd dh-eirich dhomh ’n uirridh, Nach do leubh mi mo chunnthart, Mu ’n do ghabh mi mo thuras; ’N uair shaoil mi bhi subhach, ’S do m’ theaghlach bhi buidhinn, ’S ann a chaidh mi ’o uidheam ’s ’o cheol. ’S ann a chaidh, &c. III. ’S truagh nach robh mi ’s ann fhiabhras, ’N uair chaidh mi a dh-iarruidh, An airgaid ’o chiadan, Do na fir a rinn triall uain; Ann àite dhomhsa bhi ’n siochadh, ’S ann chuirte mi ’m fiachan ro-mhor, ’S ann chuirte, &c. [TD 165] IV. Dh-fhag sud mise a’m bliadhna, Gu tric air an iasad; ’S i mo shochair a liath mi, ’O n’ bha mi mi-chiallach; ’N uair dh-fheudainn bhi miaghail, ’S ann tha mi ’m mhaol-chiarain gun tnù. ’S ann tha mi, &c. V. Chaill mi caoimhneas nan Uaislean, A bheireadh dhomh fuasgladh, ’S a chuireadh ’n clo-bualaidh, Mo leabhar gu luath dhomh, Mur biodh mo naimhdean cho buadhar, A thog orm an tuaileasg, Gu ’n robh mi ’s ann tuasaid do ’m dheoin. Gun robh mi, &c. VI. Bha gach duthaich ma ’n cuairt duinn, Ann ’s an am sin fo luasgan, ’S e ’n droch aon bha ga ’m buareadh, ’S a sìr-sheideadh nan cluasaibh, As na speuraibh, bhi uamharra borb. As na speuraibh, &c. [TD 166] VII. Ach ge b-aineolach truagh sinn, Na bithibh cho fuar rinn; Na ’n tigeadh naimhdean gu ’r bualadh, ’Sinn a sheasadh re ’r gualainn, Ann ’s gach airc’ agus cruadal, Mar a rinn sinn ’s na amuibh a dh-fhalbh. Mar a rinn, &c. VIII. Ann am bliadhna na dòruin, An cuig is da fhichead, Amach ’n uair a bhrist sibh, Ge d’ nach do chaill sibh ’ur misneach, Chaill air ’n oighreachd ’s ’ur piseach. Ach ’o ’n thug an Righ dhuibh ’s d’ ’ur sliochd iad, Com’ an tilgeadh sibh ’n spidag ud oirn? Com’ an tilgeadh, &c. IX. Na deanaibh ar ciuradh, ’S bidh sinn fhathasd dhuibh umhail, ’S do ’r Righ agus dùthaich, Ann an gniomh agus durachd, Ge d’ thainig doill’ air ar suilean; ’S gu ’n dearbh sinn bhi fiughantach garg. ’S gu ’n dearbh, &c. [TD 167] X. ’N uair dh-eireas na cinnich, As gach àit agus ionad, Co is urra ga ’m pilleadh? Theid na Frangaich a mhilleadh, ’S thig ceann air an iomairt, ’S ann gleanntan bidh sinne mar bha. ’S ann gleanntan, &c. XI. Mar ruagar an sionnach, Theid an luaidhreadh ’s an lannadh; Bheir na cluasan ’o ’n fhaillain, Cnaimh is smuais bidh ga ’n gearradh; Gach ceannard gun anail, Is dhiomhail am fala, ’S iad na ’n sìn’ air an talamh gu ’n deo. ’S iad nan sìn’, &c. XII. ’S lionmhor curaidh deas calma, Tha fhathasd an Alba, Ann am fochair na ’n garbh-chrioch, Iad fein dheanadh dhearbhadh, Ge d’ tha moran air falbh dhiubh, Nunn thar an fhairgè, Leis na màil bhi ro shearbh air na seòid. Leis na màil, &c. [TD 168] XIII. Ann an àit’ an cuid daoinè, ’S è raoignaich iad caoiraich, Nach tairneadh am faobhar, ’N am dol sios ann ’s a chaonaig, Ge d’ bhiodh moran air aonach, ’S an ruadh-mhadadh ga ’n caol-ruith; ’S cha bhithidh a theaghlach gu ’n fheoil. ’S cha bhithidh, &c. XIV. Ach bheirinn comhairl’ air Uaislean, Bhi macanta stuama, ’S gun bhi smachdail no gruamach, Re ’n ceathairne thuatha; Na ’m bitheadh iad uatha, Bhiodh a ghainne gu luath air na seòid. Bhiodh a ghainne, &c. XV. Mu ’s e mo dhuais an cruaidh ach’san, ’S gur i ’n fhirinn a b-ait leam, Air gach doigh agus facull, Cha ’n fhaigh mi lan cheartas; Bidh mo cheol air a ghlasadh, ’S gu ’m bidh mi fo airsneal re m’ bheo. ’S gu ’m bidh, &c. [TD 169] XVI. Ach thoir beannachd gu grad uam, Do ’n Ridairè ghaisgail, Le fios, na ’m bu tlachd leis, O-n ’s e Ceann-cinnich Shiol Ailpain, Gun rachainn ga fhaicinn; Ann an dochas nach ais-shith, Na ghnuis a bhi lasrach, Ach gu ’m faigh mi sith agus taic’ uai’ re ’m bheo. Ach gu ’m faigh, &c. ORAN XXX. DO DHUIN’ UASAL ARAID. I. BHA mi fo mhulad mu d’ dheibhinn, ’O n’ chual mi ’n sgeul an Dun-eidin, Gun do ghlac an t-èug do chèilidh, A bhean bheusach, cheutach, mhàld’. II. Ach tog do mhisneach, ’s na geillsa Do ’n bhròn, chionn nach dean e feum dhuit, ’S gheibh thu bean òg, òr, is feudail, A leighiseas do chreuchdan fann. [TD 170] III. ’S ann uair thachras sinn r’ a cheilè, Cuiridh sinn air chùl an eiginn, ’S òluidh sinn deoch le h-aoibhneas, ’S cha bhi nì fo ’n ghrein dhuinn gann. IV. Suidhidh sinn sios mar bu choir dhuinn, Marri clann nan daoine coirè, Dà iar-odh’ do Mhac an Deora, ’O ’n Dail-fhraoich, ’s cha scleo a t’ ann. V. Com an treigamaid an cairdeas, Tha cho tric ameasg nan Gael? Mhic na peathar, ’s odha bhrathar, Sìn le failtè dhomh do lamh. VI. ’Seircail, suaircè, stuama, fearail, Fuasgailteach, cruadalach, gramail, An t-uasal mu ’m bheil mi labhairt, Giomanach nan srath ’s nan gleann. VII. Sealgair Coilich, Feigh, is Earb thu, ’S ann a’ d’ laimh a chuirinn m’ earbsa, Bu mhiann leat bhi siubhal gharbhlach, Is gharbh-bheann, ’s a falbh nan carn. [TD 171] VIII. ’N uair a theid thu a’ d’ làn èididh, Tha thu neartmhor, smachdail, ceutach, Co do ’n deanadh tu geilleadh? A threin-fhir is geirè lann. IX. ’S beag ioghna leam thu bhi ’d ghaisgeach, ’S gun d-thain ’o Mhor-fhear Lochabar, ’S ’o Shiol Choinnich, Mhic Righ Ailpain, A dh-fhag Picaich ’n Alba gann. X. Le firinn, a Dhonacha Dheora, Tha thu do shiol nan treun-chonnsbunn, ’N Tullich-mhuillin bha nan cònuidh; ’S bi Chreag-mhor an coir ’s an am. XI. Gleann-a-mhuillin ’s Bealach-gaoithe, Mar sin is Coire na Saobhuidh, Fannduibhe ’s taobh deas na Maoile, ’N Dail-fhraoich, ’s gach raon a th’ ann. XII. Cha ’n fhain’ear nis’ gun robh àit’ riamh ac’, ’S tha Clann an Deora tur air crionadh, Tha chòir ud nisè aig Siol Dhiarmaid, Fhuair gu ioghna còir nach gann. [TD 172] ORAN XXXI. DO ’N T-SHLIOCHD RIGHAIL AILPAINACH. I. MOCH air maduinn Dirdaoin, Ghluais buidhinn mo ghaoil, A Stri-lath gu taobh a chuain. Moch air maduinn, &c. II. ’S air Di-h-aoine na dheidh, Ghabh an turas dà cheud, A siubhal gu h-eatrom luath. ’S air Di-h-aoine, &c. III. ’S air Disathairne bha, Na fir chlis air an t-sraid, ’S an Ceannard ga ’n aireamh suas. ’S air Disathairne, &c. IV. Air Diluain ’s air Dimairt, Dh-fhalbh iad uile gun tamh, ’S dh-fhag iad misè gun phramh gun suain. Air Diluain, &c. [TD 173] V. Bha am bailè dhomh fàs, Gun mo chairdean bhi lath’r, ’S thuit mo mhisneach gu làr ’s an uair. Bha am baile, &c. VI. Ann am beatha no ’m bàs, B’ e mo mhiann bhi na ’n dail, Sud dh-iarrain mar ailghios buan. Ann am, &c. VII. Rachainn leo ann ’s na blair, ’S bheirinn misneach, le ’m chàil, ’S bhiodh eufachd a’ m’ dhain is buaidh. Rachain leo, &c. VIII. Biodh mo bheannachd ’s gach àit, Aig a chomunn gun sgàth, Chaidh a dh-Eirin: dhoibh b-aill leam buaidh. Biodh mo, &c. IX. Biodh an fhairgè dhoibh mìn, Ga ’n aiseag le sìth, Gus am buannaich iad tìr an t-sluaigh. Biodh an, &c. [TD 174] X. Far am faigh iad an leann, Chuireas mireadh na ’n ceann, ’O na mnaithean tha malda suairc. Far am faigh, &c. XI. An àm tharruing nan lann, Bidh bràtach uainè ri crann, Sud ’ur suaich’neas gach am, ’s bu dual. An am tharruing, &c. XII. Aig Clanna Ghrigair na ’n Gleann, O ’s righail an dream! ’S iad an fhior-fhuil nach gan r’ a luaidh. Aig Clanna Ghrigair, &c. XIII. Mar mhil ann a’ m’ bheul, ’N uair dheabh mi deagh sgeul, Air na treun-fhir nach geill an cruaidh. Mar mhil, &c. XIV. Bidh ’n Ceannard air thùs, Làn iochd agus iùil, ’S na h-uaislean r’ a chùl ’s gach tuair. Bidh ’n Ceannard, &c. [TD 175] XV. B’ ann d’ an aidhear an smùid, Chuireadh Frangich na ’n smùr, ’S iad gearradh lamh, agus ghlun, is chluas. B’ ann d’ an, &c. XVI. ’N uair bhios naimhdean gun lùth, Thig Clan Ailpain le cliu, ’S bidh aiteas mor riu ’s an uair. ’N uair bhios, &c. XVII. `Oll, is aidhear, is muirn, Bidh ’s gach talla, le surd, ’S deocha-slainte gu dluth mu ’n cuairt. `Oll is aidhear, &c. XVIII. Ach tha mi airsnealach faoin; ’S chaidh mo chruadal gu taobh, Mu Chlanna Ghrigair nach caochail snuadh. Ach tha mi, &c. XIX. ’S ’o nach cluinn iad mo ghlaodh, Theid mi nunn thar a chaol, ’S cha mheas mi mo shaoir bhi cruaidh. ’S ’o nach, &c. [TD 176] XX. Far am faic mi na Seoid, Thogas m’ inntinn gu ceol, Dh’ fhogras m’ aois, is ni m’ oige nuadh. Far am faic, &c. XXI. ’S bidh mi mar riu re m’ bheo, ’S cha chuimhnich mi ’m bròn, A ghabh mi ’n tra sheol iad uam. ’S bidh mi, &c. ORAN XXXII. DO MHOR-FHEAR BHRAIGHDALBIN. I. GUIDHEAM buaidh agus solas, Do Mhor-fhear Bhraidhdalbin, Seasmhadh a dhaoine dha, Gun aomadh, ’s neo-chearbach; Eiribh uilè, ’s na dibiribh, As gach iosal is garbhlach, Leis a bhrataich bha righail, ’S nach do phill gun bhidh sealbhar. [TD 177] II. Thig na suinn ort a Saòdhail, ’S na laoich thig a Sgaraba, ’S ’o sgèth a chaoil Mhuilich, ’S cha ’n fhuirich fir Chearara; ’S a Ladhuirne Iochdrach, Na ciadan ga ’n tairgse, ’S ’o Dheisair-loch-odhadh, Na fir fhoghainteach chalma. III. A Gleannurcha nam badan, Thig gaisgaich nan gèur-lann, A ghearras, mar ealtuinn, ’S cha bu tais ann an glèus iad: Cha b’ i chosag bhiodh aca, Mar th’ air na Gaoil an Dun-edin, Ach na breachdanan dathtè, ’S leò b-ait iad a’ ’m fèilè. IV. Com an treiginn Gleannsreatha, No ’n seachnain Gleannèitè, No Srath-Fhaolain nan aidhean, Far nach fhaighean ach trèudan? Gur fàs leam an Clachan, Dol na chathramh ’s beag m’ aoibhneas, Far am bheil mo luchd-tighe Na ’n luidhe, na ’n cèudan. [TD 178] V. Bheir mi sgriob do Ghleannlocha, ’S do Ghleanndochairt gu ’n tèid mi, Far am faighear na Connlain, Nach soradh leat èiridh; ’S a sin do Ghleannoguill, ’S a m’ eolas cha tèid mi, ’S gun òll mi do d’ choirsa, Deoch mhor a Lochèirin. VI. Bidh mi rithist a pìlltinn, ’S a direadh gu h-eatrom, Amach Laricìlè, ’S cha sgìth leam an cèum ud; ’S gu ’n ruig mi Cìll-Fhìnn, Far an cinntè mi fhein as, Agus chi mi na Suinn, A ghabhas suim do mo sgèulsa. VII. ’S mu tha iad mar bha iad, Cha ’n fhag mi a’ m’ dhèidh iad: ’S tric fhuair iad buaidh-làrach, ’S gach tra an robh feum orr’, Bha ’n cruadal ’s gach àite, Do-aireamh dhomh lèubhadh; ’S iad a chumadh an àrach, ’N deaghidh ’naimhdean a rèubadh. [TD 179] VIII. Bheir mi dearbhadh dhuibh fhathast, Mu ghabhar mo sgeul uam, Air dà thaobh Lochatatha, ’S cha ’n fhaighear a’ ’m brèig mi; ’S iad ghabh mirre-chatha, ’N am tarruing re chèile, ’N uair bhuail iad na Gallaich, ’S cha b’ aireach dhoibh fein e. IX. Bidh Toiseachd Glinnliomhuinn, Cho dileas re d’ lèine, Ann an creideas ’s am firinn; ’S gu dilinn cha trèig thu. Tha iad uile, ga rireamh, Ro chinnteach ’n àm èiridh, ’S cha bu tais ann ’s an stri iad, ’N uair shìn iad le Seumas. X. Innsidh Lá Sliamh ’n t-Siorradh, Nach robh giorac fo ’n èididh, Leis a bhrataich bha cliuteach, ’N uair ruisg iad gu fèum i: Bha mo sheanair ga giulan, ’S tric lub e gu fèur i; ’S thug e dhachigh i Bhealach, ’S dath na fal’ air a h-èudach. [TD 180] XI. Cha ’n eil eagal nach duisg Tullichùile, air glaodh dhuit, Agus gleann a chruidh ghuaillich, Gleannacuaich nan cruaidh-laoghach; Eiridh Sithain is Tururich, Gu cuilmar a’ t-aobhar, Is na leomhain nach aomadh, ’O dhà thaobh Lochafraochidh. XII. Ach cha dean mifè tamh, Ge d’ thainig mi ’n taobh so, Gus an ruig mi Mac Thàuis, ’S gheibh mi lamh agus faoilt’ uaith; ’S bidh mi oidhch’, mar a gheall mi, ’S Tomchallduinn, mu dh’ fheudas; ’S theid mi Bhaile-nan-geardan, Mu ’n tionndadh mi m-aoduinn. XIII. Nis’ shiubhail mi t-fhearunn, A dh’ earail do dhaoine, ’O ’n iar gus an ear, iad Bhi seasmhach a t-aobhar; ’S ’o n’ is aithne dhomh cheathairne, Cha do sheachain mi aon diu, ’O n’ tha iad ro fhearail, ’S nan dleasanas daonan. [TD 181] RANN. DO GHOBHA ARAIDH. THA mi-thlachd is fearg mhor air m’ aigne, Nach gabh ciosach’ ann an caisead, Bhi ’n conuidh ’g iarrudh mo ghlaise, Nach eil furasd dhomh a sheachnadh; ’S air ’n do chuir mi sios a Sassan, Gu ’m dheanamh dionach ann am ghasd-thigh. Ge d’ chuir mi i do ’n cheardaich, Cha robh feum aic’ air a caramh, Na ’m faighear iuchair dhi mar b’ aill leam, Mhaireadh i rè lìnn an àil so. Cha b’ ann do m’ chairdean a bha e, An duine nach do chabhair tra orm, ’S a thug air mo chèilidh ghradhach, Na cuig sgillinean thoirt dhasan, Airson sean iuchair chrubach, spàgeach, Gun chumadh, gun stubh, gun stà innt’; Cha ghiulain mi m’ fhochair gu bràth i; Cha chromainn, ’s cha togainn ’o m’ fhàil i; ’S mur dean thu tè eilè na h-àitè, Cuiridh ma na ’s tinne ’n sàs thu. Tha mìos agus còr, a’ maireach, ’O nach d’ fhuair mi cadal samhach; [TD 182] Tha mo dhorus mar chothrom an ailean, Is eagal do oidhche ’s do là orm, Nach fhag mearlaich ni am fharduich; ’S gun goid iad mo Bhean ’s mo Phaisdean, ’S nach fhaic mi tuille gu brath iad. ORAN XXXIII. DO ’N GHOBHA CHEUDNA. I. ’S E Gobha mo chridhsa, Gobha nam buadh; ’S e Callum Mac Ghrigair, A ruiginn gu luath, ’S gu ’m faigh mi mo gnothach, ’S cha ghabh e bheag uam, Ge d’ bhiodh na ceudan, Aig eigheach na chluais. II. Gu ’m bheil e co-ullamh, ’S co dunail ’s bu dual; ’S è nach biodh fada, A fadadh a ghuail; [TD 183] Gu ’m faicear a shradan, Co fhada re Tuair, ’S gu ’n cluinnear a bhuillean, Air Drumin, le ’n cruas. III. Thug mise dha ’n t-urram, ’S co ’s urra thoirt uaith, Air goibhnan a chrùine, Thaobh grinneas is luaths’. A’ ’m faodhairt ’s an cumadh, Cha toir duine air buaidh, ’S na ’m faighte ’s tigh òsd’ e, ’S è dh’ òladh a chuach. IV. ’S ’n uair theìd e do ’n cheardaich, Gur àillè a shnuadh; Ach bios e mar bha e, Cuir blàth’s air a ghruaidh: ’S è gu furanach failteach, ’S ro ghradhach re tuath, Ach bu mhath leis teath-linneadh, Bhi na mheanachsa uap’. V. Ge d’ b’ ainmail Ferara, Air claidhean nan ruag, ’S è fo fear is fhearr leinn, ’O na tha easan uainn: [TD 184] ’N àm faodhairt na stàilin, Cha bhlàthich e ’n gual, Gu ’m buail e cho laidir, ’S gur fhearr leis e fuar. ORAN XXXIV. DO MHNAOIDH UASAL ARAIDH. I. MO bheannachd do ’n bhanntrich, Thug an leann air Diluain dhomh; Mu ’n tug mi an ionnsuidh, A thionndadh gu buannachd; Gu ma marrion a slainte, Na biodh i ’n cambar no ’n cruadal, I fein no a chlann aic’, Ata gun anntlachd mu ’n cuairt dith. II. Gu ma lionar a cairdean, ’N àm teanndachd g’ a fuasgladh, Na tugadh buaidh oirr’ a naimhdean, Mu tha ann aon am fuath dhith; [TD 185] No a dh’ iarradh a mealladh, No thogadh sgallais no tuaileas; ’S deagh cheann i do charaid, Ge be bealach ’o ’n d’ ghluais e. III. Ceann aoidhean is fheumach, Ceann na cèill is an uaigneas, Cha do chleachd i bhi ’g eigheach, Ge d’ robh feicheanna uaipe; Ceann uidhe nan ceud i, Beul na ’m bèus is na stuaime; Ceann na sìth is na reitè, Da ’n geilleadh luchd tuasaid. IV. A bhean eireachdail ghasda, Chaomh, thaitneach, ro-fhiachail, Do ’m bheil an cridhe fial farsuing, ’S an deagh aigne ga riaghladh; Ann a còir cha bhiodh aircè, Gheibhar pailteas ga riarach, Do dh’ uisge-beatha math brachidh, ’S an deoch a chaisgeadh an iota. V. Tha i measaradh direach, ’S cha i searcail, ’s ro shuaircè, Ann an creideas ’s am firinn, ’S na h-inntinn neo-luaineach; [TD 186] Co thairgeadh dhith mi-mhodh, ’S a dillsean mu ’n cuairt dith? ’S a dhainain luchd mi-ruin Gu ’n cìnn i mar luachair. VI. Cha ’n ioghna ’s an tìr sud, ’S na suinn ’o ’n do bhuaint’ i; I bhi uasal na h-inntinn, ’S nach dibir i cruadal; Siol na fala bha righail, Ann ’s gach linn a bha luachmhor; Leubhibh eachdruidh na righeachd, ’S i a dh-innseas mu ’n cuairt doibh. VII. Gu ’n d-thain thu do ’n mhòrachd, ’S cha scleo e r’ a eisdeachd, Na treun-fhir nach sòradh, Dol an coraig, ’s nach geilleadh; A chum roimhe air coir ruinn, ’O n’ bha iad cruaidh ann ’s an teugmhail, Ann an aghaidh nan seod ud, Leis ’m bu deonach ar reubadh. VIII. Com an leiginn air dearmad, Gach sealgair bha ’n Eirin, Luchd shiubhal nan garbhlach, Is nan garbh-bheann le cheilè; [TD 187] Na curaidhean calma, Clann Fhearais nan geur-lann; ’O ’n cheud Righ bh’ air Alba, Gu dearbh tha nigh’n Sheumais. ORAN XXXV. AIR CURAIDH ARAIDH. I. GUR smearail, fearail, sunntach, Am fiuran glan, Rob Ruadh; C’ àit’ am bheil e ’s dùthaich, Bheireadh cìs na cliu dheth? Cha b-e ainm an t-umidh, Thaobh duchais, ’s cha bu dual; ’S gur Bruisseach do shloinnè direach, Do fhior-fhuil na ’m buadh. II. Na ’m faiceadh sibh air feill e, Gur ceuteach e measg sluaigh; ’S è their gach tè r’ a cheilè, “An aithne dhuit an treun-fhear? [TD 188] ’S mi bhiodh subhach aoibhinn, Ge d’ bhitheadh càch toirt beum dhomh, Na ’m faighinn luidh na sgèth sios, ’S cha tugainn fein da suain.” III. ’S math ’n duine ’s an tigh òsd e, ’S cha scleo ata mi luadh; ’S è ghlaodhadh ge b’ e dh’ òladh, ’S gun dioladh e le h-òr e; Is cha b’ e ’m bodach bronach, Nach bu leor gu dol mu ’n cuairt; Bhiodh aige na searraig mhora, A’ lionadh chorn is chuach. IV. Gun mhearrachd, gur tu ’n consbunn, Is seolta tha mu ’n cuairt; Fear cheannaich a chruidh mhoir thu, Na ’n daimh ’s na ’n aighean oga; Thig Sassanich a’ d’ chòail, Cha sòr iad dhuit an luach; ’S tric chaidail iad na ’m brogan, ’S bhiodh tu ’n cònuidh fuar. V. ’N uair thig ’o ’n fheill, gu dearbh thu Cha dearmad aon d’ an tuath, Cha bhiodh do chòail searbh dhoibh, Cha mheall thu iad na ’n earbsa, [TD 189] Cha ’n aithris càll no earchaill, ’O n’ dh’ fhalbh thu air do chuairt; ’S bidh na màil gu cruinn ’s an tìr, Le fireantachd Rob Ruaidh. VI. ’S lionmhor buaidh air chìnntè, Tha sìnte re Rob Ruadh, Am fleasgach suaircè, fileant’, Seasmhach, searcail, dìreach, Is dleasnach ’na inntinn, ’S gach ni ’m bheil brìgh is stuaim; Chaidh chliu co fad ’s na h-Innsean, An ear, an iar, ’s gu tuath. VII. Mo bheannachd, le ceud fàiltè, Do ’n armunn ’s àille snuadh, Tharis do Shratharduil, Is innis da mar tha mi; ’S mu mhaireas mi aon raighidh, An slainnte, ’n càil, ’s an luaths, Theid mi nunn, ’s cha diult e gradh dhomh, ’S gu ’m bidh an cairdeas buan. [TD 190] RANN AIR BRATACH CHLOINNE GHRIGAIR. CHUNNIC mi a bhratach uainè, Ard-shuaicheannas Cloinne Ghrigair, Le craobh ghiubhais, dhosrach, bhuadhar, Aig na h-Uaislean, mar a thigead; Bha leomhun is aon-adharcach treun, Mu choinneamh cheilè, ’s bu mhòr am misneach; Leomhun eilè, ’s crùn air a cheann, Cha bhreìg a t’ ann, or rannsaich mis’ i. Bheachdaich mi gu geur ’s an am, ’S chunnaic mi, mu ’n gann a dh-iosraich, Claidh’ a ghaisgaich shar a chrann, ’S crùn air a bharr, bha ro mhaiseach; ’S e dh-àithn an Ri dha, “Dean, ’s na geill, Tha d’ dhream righail, na treig misè; Sàth do lann gu teann na chrè, ’S mad-alluidh ’t ann, leir-sgrios e.” —ARD CHOILLE.— [TD 191] CUMHADH A BHAIRD. I. ’N UAIR chaidh mi Dhun-eidin, ’N coinneamh nan Treun-fhear, ’S ann fhuair iad orm sgeulan mo dhorinn. ’N uair chaidh, &c. II. Bha gáth narach ’s gach beul, Bha ga ’m chàineadh ’s ga ’m reub’, ’S an Droch aon a sìr shèideadh ’n sgornan. Bha gáth, &c. III. ’O n’ ’s e athair na ’m breug e, Thug e spionnadh gu leir dhoibh, ’S dh’ fhagadh mise gun aoibhneas ’s an lo so. ’O n’ ’s e, &c. IV. Ach na ’m faighinnsa eisdeachd, “Agus cothrom na Feinne,” Bhiodh an an-iochd ga leubhadh aig moran. Ach na ’m, &c. [TD 192] V. ’O n’ chaidh iad gun dùlan, Eader craobh is a rùsgadh, Gun aobhar, ’s gun eagal a do-bheairt. ’O n’ chaidh, &c. VI. Ach mu gheibh misè ùinè, Gheibh iad luigheachd am chliùsa, Chuir na saighdean geur dluth ann am sheöilsa. Ach mu, &c. VII. Cha do labhair mi mìmhail, Re uasail no iosal, Ge d’ rinn iad an dìchioll gu ’m fhogairt. Cha do, &c. VIII. Thug mi mionnan do ’m Righ, ’S bha mi dileas da reir, ’S làn dearbhadh gu cinnt’ tha a’ m’ choirse. Thug mi, &c. IX. Ni ’m òrain fein innseadh, Ann ’s gach àit ann ’s am bidh iad, Gu ’m bheil mi rò righail do Dheorse. Ni ’m òrain, &c. [TD 193] X. ’S a dh’ ain’eoin luchd mi-ruin, Bidh cliù math agus firinn, Maille rium gu dìlinn ga m’ sheoladh. ’S a dh’ ain’eoin, &c. XI. ’S gheibh mi cao’neas na ’n Uaislean, Chuir mo naimhdean a’ ’m fuath orm, ’S gu ’m fàs mi gu h-uallach, glan, sporsail. ’S gheibh mi, &c. XII. ’S beag an creideas no ’m buannachd, A thog orm an tuaileasg, Na ’n sealladh iad uap’ mar bu choir dhoibh. ’S beag an, &c. XIII. ’S e ’n cridhe a bhualadh, Bheireadh leirsinn gu luath dhoibh, Gun bhidh ealamh, no luath-bheulach gorach. ’S e ’n cridhe, &c. XIV. ’S e ’n teisteas a fhuair mi, Ann ’s gach dùthich mu ’n cuairt domh, Gu ’m bu Bhard modhail, stuama, gun scleo mi. ’S e ’n teisteas, &c. [TD 194] XV. Ach ’o n’ rinn iad mo ghluasadh, Nior mheal mi mo chluasan, Mur faigh iad an duais sin bu choir dhoibh. Ach ’o n’ rinn, &c. XVI. Ge d’ theid mi air astar, Gu beanntan Pharnassus, Far am faigh mi gach facull ga m’ sheòla. Ge d’ theid mi, &c. XVII. Ni Cheolraidh dhomh luasgadh, Gach lidè is uaislè Do ’n Ghaelic, ann ’s gach duanag ga m’ chòna’. Ni Cheolraidh, &c. XVIII. ’S na ’n seachnadh droch shluagh mi, Gu seasmhadh re m’ ghualain, ’S mi chuireadh ’n clo-bualaidh na h-orain. ’S na ’n seachnadh, &c. [TD 195] CLIU A BHAIRD, LE FEAR LEIS AN TOIL A GHAELIC. I. A BHAIRD bhinn-bhriath’rich Ghlinnliomhuinn, ’S leudorra lionmhor do Ghaelic; Rinn a Cheolraidh dhuitse luasgadh, Gach lidè ’s uaislè do ’n chanain. II. Cha chualadh mi bard no filidh, No laoidhadair, gu filleadh cainnte, Is fearr a shniomhas ’s a thaghas, Gach facull seaghail ann ’n ranntachd. III. Is snasmhor, snuadhar, righail, reachdar, Do smuaintean beachdar gun fhàilin; ’S tha seann-eachdruidh gach fineadh, Sgriobht’ air aon phillean a’ d’ làthair. IV. Comhradh salach rinn thu fhògradh, Briathrean baobh cha dual do d’ rùn: Aon fhacull coimheach, ach Gaelic, Cha ’n eil a’ d’ dhanuibh gu ’n cùl. [TD 196] V. Gach neach le ’n toil i gun truailleadh, Gu caireamach, cuannar, tiugh, Thugadh e misneach do ’n Bhard, Chum ’s nach bàsich i gu tur. VI. Tha sgilm Iain Luim, is snas Mari Leud, A dealradh a’ d’ chainnt, ’s gach rann an tomhas teud; Na ’n leubhadh tu a’ t-oig’ gach òraid agus sgeul, Cha chuireadh beo no marbh glas-ghairm air do bheul. MOLADH A BHAIRD, LE FEAR CINNIDH DHA. Air fonn Cabar Feidh. I. Do m’ sheòladh, do m’ sheòladh, Do m’ sheòladh biodh fagusg dhomh, Gu fonn’or, na naoi Oighean, Do ’n cònuidh Parnassus ard; Seadh, cluinneam an ciùin-chrònan, Bheir eòlas an cagar dhomh, A los gun tig a’ m’ cheannsa, Sàr-channtaireachd chairiseach. [TD 197] ’S biodh smaoin, is feairt, is comas ceart, Tabhairt neart, nach fannuich dhomh, A leigeadh ris, ’s a sheinn anis, An Eoin-chlis gu rannaireachd; A crian-og-phreas cha d’ thanig eas’, Ach ’o chrann meas gun chamadh e, Thigh Ruadh-shruth e ga rireamh, ’N Gleannliomhuinn bha aithrichean. II. O ’s èucach, gur èucach, O ’s èucach neo-fharumach, Am Bard deas, milis, cèutach, Na ’s cèillidh cha ’n aithne dhomh; Tha grinneas agus bèusan, A gèilleadh ’s toirt aire dha; ’S am fiosreachadh, gun mhòrchuis, Cha ’n eòl domh bheir barrachd air. ’S ceart fhuair e ’mach, thaobh Ghàl fa seach, Briathrean ’s dreach am bratichean; Air uaill, is teachd, is sloinne neach, E do-chreach’ ann cracaireachd; ’S mar steudas sruth, troimh ard eas dubh, ’S ionnan guth an lascair doibh, Le loinnureachd nan smeorach, Ann torr nan dlù’-ghallanean. [TD 198] III. O ’s gràdhach, gur gràdhach, O ’s gràdhach an duine e; Tha sgeimh is spionnadh cainnt, ’S na dàin a chaidh chumadh leis; ’S ro thearc ’measg chloinn nan daoine, Re ’m faotuinn ni iurram ris; ’S cha robh, ’s cha ’n eil e ’n teanndachd, No ’n ganntachd gu luinneagan. ’O ’n laoghach ghlan, gu h-eolach chan, Gradh is gean, le h-ealamhachd; ’S gu h-iosal bhos, mar eun feadh dhos, Cha d’ ghabh clos na ealuidhean; ’S cha d’ theich gun stad, mar iolair ghrad, ’N airde, fad a seolladh oirn; Gun tuiteam, gun bhras-èiridh, Air sgèth daonnan gheabhar e. IV. ’S uramach, neo-spòrsail, Ro chònard ’n a labhairt e; ’S chuir raogha caöin air còradh, Gach Ceòlraidh bha tairis da: Tha iomad ni gu seòlta, ’S gu ceòlmhor air airis leis; ’S mor ioghantas nan cèudan, Mu ’n ghèurad a thachair da. [TD 199] ’S gann ’s a chruinne, chithear duine, Thig le tuire ’n garadh dha; Bhuail e ’n t-slighe, chum gach dlighe Thoirt do ’n chridhe ghalanach; Craobhan duille, fhuair le buille, Meuraibh tuille sgathadh dhiubh, Bidh iomraiteach na sgèulsa, ’S na gèuga bidh mairion innt’. V. O ’s luachmhor, gur luachmhor, O ’s luachmor a cheilairean, Gun aon nì annta suarach, No tual, ach fior erachdail; Gu dian iad saoradh Gàelic, O shàruch’, ’s ’o dhearasan; ’S cha tearc na facuill àluinn, ’O ’n bhàs leo chaidh theasarginn. Saor ’o dhonas, làn do shonas, Air srath, monadh, ’s glas-thonnan, Gun robh ’m Firein, riamh nach sireadh, Coingheall lidè Shassanich. Do ’n teangidh bhìnn, bha geamnuidh grìnn, ’N luchairt Suinn nan Ailpaineach; ’S bha fòs aig Oisian dèurach, A caoidh na Fèinn, chaidh thasgidh leis. [TD 200] VI. ’S bh’ aig Adhamh ’s aig Eùbha, Roi’ fhèum bhidh air aithreachas, Mu ’n d’ chiontaich iad an Eden, Gun eùcail, gun smal orra; Air olc mu ’n robh iad eòlach, Gun chòdach, gun ath’ orra: Do ’n pheac gun bhidh nan tràillean, ’S on ghàradh gun charuchadh. Leis is doimheach facuill choimheach, Sud tha goimheach guineach dha; ’S teach na obair, ’s a chainnt-thobair, Chaoidh cha togair sruth-chainntean; Tha neo-stadach, sguabadh chladach, ’S bradach, sladach, ioma dhuibh; ’S è ’n ruith feadh càch a chèilè, An stèigh tha ga ’n cumail suas. VII. Ach gach caochan trèun dhiubh Do thrèig iad an t-amar ac’: Ciod thainig air an Eabhra, Bha spèisail ’s an Talamh Mhath? A Ghreigis chaidh air faontradh, Co shaoileadh nach fanadh i? ’S tha ’n Laidin air a fògradh, Bh’ aig Ròmanich bhrais-bhuilleach. [TD 201] Dh’ fhag iad uile sluagh gu buileach; Marbh, ’s feadh dhuilleag foluicht’ iad: Ach cainnt mhurrach, nan sònn ullamh, Dhireadh mhullach ’s chorruch-bheann, Riamh rinn fuireach feadh gach cunnthart, ’N anail chùraidh ’s beothail i; ’S mar chuairt-ghaoth ’m bealach sheibhteadh ’S a bhèul, tha mi moladh i. VIII. A chànain, a chànain, A chànain bha ’n toiseach i; ’S mar mhor-chruaidh-chreugan làdir, A tàmhsa bidh socurach: ’M feadh ghleusas slugan càil neach, Cha bhàs is cha dochunn dith; Ach bheir i mach buaidh-làrach, Feadh ghàbhanna ’s dhosguinnean. ’S lionmhor gaisgeach ata aicè, Cumail taic’ is cothrom rith, Agus caraid, le cruas daraig, Dol do ’n charraid chogadh dhith; Chum a dionadh ann ’s gach pianadh, ’S chum a lionadh dh’ fhocullibh: ’S mar lasair-chath an leirsinn, Gu leir-sgrios smid dhochareach. [TD 202] IX. ’S trèun aon do na Seòid ud, Thaobh cònadh is leasachadh, Mo Dhanadair ro-òirdheirc, ’S a chòraig co sheas’as ris? Tha treis’ is teinè Homeir, Gu beò is gun easbhuidh aig’, ’S gur minic e cur leò sud, ’S na h-òrain air dleas’nais. ’S ni gun teagamh, nach e ’m beagan, Thug e theagasg fallain dhuinn; ’N so e bagradh, ’n sin a tagradh, ’N leas, gun ag’re h-ain-eolaich; Aig cha ’n fhaighear, ’n ceol no ’n aidhear, Tèum, mar nathair, gathach goirt; ’S tric feallsanachd a seideadh, ’S cuir eufachd na radheanna. X. O stuama, gur stuama, O stuam’ agus tapidh e; A chruadal is a bhuaidhean, Co luadheas an tait’nichead? Co chuireas air a thrèunad, An cèill iad gun laguchadh? Ach innsidh leabhar fèin iad, Gu rèidh dhuinn ann ath-ghaorid. [TD 203] Maillè idir, nis cha tig air, Cuiridh ’n Ridair’ Grigarach E ’n clo-bualadh.—Tha ’n t Ard-uasal Toileach, truacant’, cinadail; ’S do ’n Chinneach uil’, do bheir e bhuil—— ’S fialuidh fuil na’ m Fineachan; Mar so gheibh sinne sòlas, ’S bidh òr aig Fhear-filidheachd. CUMHADH DO DHUIN’ UASAL THUIT ’S AN OLAINT, ’S A BHLIADHNA 1799. I. B’ E sgeula na dòrain, Thanig oirn as an Olaint, gu ’r cràdh, Dh’ fhag sinn uile gun sòlas, Air fir mhòra a leonadh gu bàs; Bu lionar gaisgeach bha deonach, Ann an aobhar Ri Deorse gun sgàth, Chaidh gun ghiorag do ’n chòraig, Ge do dh’ fhag iad na seòid ann ’s a bhlàr. [TD 204] II. Aon diu’, Gordan Mac Ardidh, An tòg’ uasal, nach danig a’ nàll; Bha e na cheannard air cuideachd, Ga ’n riaghladh le tuigs agus gradh; Air an tùs chaidh gu ullamh, Thoirt aobhar misnich ’s gach cunnthart do chàch, Ach, Och mo chreach! gun do thuit e, ’S bha fhuil chraobhach aig srutha gu làr. III. B’ e sud an sgeul bha neo-aoibhinn, Bhios aig gach lìnn ga leubhadh gu bràth, Thanig doill’ air na speuran, ’N uair chaidh na trèun-fhir air stà; Cha bu lèur dhoibh a cheilè, Bha an ceò a cuir èis air na Gàel, ’S an naimhdean co lionnar Ri gaineamh, no eunlaith an aird. IV. Bu duthach a chòail, ’N uair a chruinich an còr a bha laith’r; Cha robh an aireamh ach fò’ail, Do na chaidh air an lo ud gu blàr. [TD 205] Thuirt Mor-fhear Shundi, ’s e brònach, Na ’m faicinn an t ogan mar bha, Ge do tha mi tròm-leointè, Dheanadh seolla do Ghordan mi slàn. V. ’S truagh nach robh a dhà chinneach Ri ghualainn, ’s an iomart a bha, Siol Leoid, is Clann Dònuill, Na connsbuill nach comhsaiche naimh; Cha bhiodh an ain-iochd gun dioladh, Bhiodh na fiachan ga ’n iochda gun dàil, Aig na suinn ata fiachail, ’S tric a dhearbh e le gniomha an lamh. VI. Na ’m biodh Fear Obarardair Na bheatha, ’s e teann ort ’s an am, ’S gun seachnadh an luaidh e, ’S nach fhaidhe i buaidh air, le srann; ’N uair a thairneadh e suas riu, ’S a chlaidhe o chruachain na laimh, Bhiodh ceud Frangach gun chluasan, ’N uair dheireadh am buaireadh na cheann. [TD 206] VII. Ach ’s diomhain bhi ’g aithris, Air na suinn tha na ’n cadal ’s an ùir, Ge do tha sinn na ’r cabhaig, Cha tig iadsa na ’r caramh, ’s cha dùisg; Ach ’s e cleachda na ’n Gàel, Bhi ’g iomradh mar bha iad ’o thùs, Is ’o na ghlacadh le bàs iad, Tha sinne ma ’r chaoirich gun iùl. VIII. Is ro chràiteach a mhathair, Mu dheibhinn an ailegain ùir, Am fleasgach eireachdail aluinn, Bha deas-labhrach, bla-chridheach, ciùin; ’S tric na deoir uaipe tearnadh, ’S mor a h-aobhar, ’s a bhla air a gnuis, Nach robh i ga charamh, ’N uair bha e ’s an araich gun lùs. IX. Ach togadh i misneach, Ge do chaill i a nis air a duil, Fhad ’s a bhios Raoghal is Iain, ’S a triuir nighean, tha dligheach dhi, dluth, Cha ’n eil i gun chairdean; ’S na mor-uaislean an gradh dhi ’s a muirn; Bidh Mor-fhear Shundi ’s a braithrean Gu dionach ’s gach àit air a cùl. [TD 207] ORAN XXXVI. DO DH’ ALASTAIR SHATHACH, AGUS DO LEANNAN. I. THA mis’ a nochd a ’m aonaran, ’S gu bheil mo smaointean luath; Is cha ne maoin an t-shaoighail so, Na fhaoneachd ata uam. An ègail ’ta a’ ’m aorabhsa, Cha ’n eil ach aon bheir buaidh; ’S e ’n gaol ata aig caonnaig rium, Na ’m faotainn bhidh ga luaidh. II. Eisdibh rium a dhaoine Fhuair foghlum, ’s ga ’m bheil iùl, An robh sibh riamh an gaol? ’S e dh’ fhag mise caol, gun lùs. Mu bha, nach bidh sibh caoinail rium, Is aontichibh gu ciùin; Mu ’r faidh mi ’n cabhaig faodhachadh, Gun aom mi sios do ’n ùir. [TD 208] III. Tha mo chadal luaineach dhomh, ’S gach uair a theid mi thamh; ’S ’n uair dhuisgeas mi bidh luasgan orm, Mar ioma-ghaodh luath a Mhàrt. Cha ’n eil lèigh bheir fuasgladh dhomh, Na fuarachadh ’o ’n bhàs; Mur buannaich mi ’n oigh uasal ud, Cha dual domh a bhi slàn. IV. Mo chridhe ’ta fo cheangal teann, Aig an annir is mor cliudh; Ga ’m bheil an cualain cannach, Air nach luidhe smal no smùr: Sùil ghorm, chaomh, fo mhala chaoil Na h-aolin is mor iùl; Gur doille air mo leirsinnse Bhidh sealltuinn gèur na gnuis. V. Tha i fallain finealta, Bho chùl a cinn gu sàil; ’S tha muinneal geall mar shneachda aic’, No cannach air a chàr. ’S ro-mhath thig an sidè dhi, ’S deas direach i gu bàr; ’S mur faigh mi còir an sgriobha oir’, Cha dirich mi gu bràth. [TD 209] VI. Tha beul meachair, binn, mu dèud ghil, As nach tig breug no sgleo; ’N uair labhras i gun eisdeam ri, B’ e m’ aoibhneas thar gach ceòl; Tha tuigse is deagh bheusan A geilleadh dhi ’s gach seòl; Gu bheil i mar bu dual dhi bhidh, Gu seaghail, suaircè, còir. VII. ’S bann Leadhaineach da rireamh i, Do ’n fhior fhuil nach eil fann, An dream tha uasal inntinneach, ’S bha righail chum an càll. Bu neartmhor, reachdmhor, righail iad, Cruaidh, dionach ann ’s gach àm, Le ’n lanna tanna tri-chlaiseach, Aig sgatha chìnn a’ naimh. VIII. Na ’m faithinnse ri phòsadh i, Gu ’n cuirinn cùl ri bròn, ’S do ’n aird an iar gun siubhlinnse, Gu lùthar air gach doigh; Na ’n saolinn a bhi mùirneach ann, ’S nach diultadh i dhomh pòg, Gun reachainn, le làn durachd, Dh’ Elain Shunadh air a tòir. [TD 210] IX. Na ’m faithinnse do Bhaidanach Mo Mhari mhalda ghrinn, Cha bhiodh i ’n sin gun aird orra, No gann do theachd-an-tìr; Bhiodh crobh-laoidh ga ’n arach aic’, Air fàsichean ’s mor brìgh, ’S treuda gealla tearnadh nuas, Le ’n àll, gu h-airidh mhìg. X. Tha cuilbhar, gillè, ’s cu agam, ’S gur luthar iad chum sèilg; ’N damh caprach cha chuir eagal orm, Oir bidh mi dlu na cholg; An coileach-dubh, no a cheilè, Cha tairg dhomh beum no tàir, No am bradan tar-gheal leumnach, Tha ’n Spè, cha gheillinn da. XI. Bidh sinn ro shubhach solasach, A moralachd ’s a mùirn, Bidh aithear agus òll againn, ’S gach ceol a thogas sùnnt; ’S ge d’ dh’ fhagainnse na h-onar i, ’S mo chodacha le h-ùir, Cha bhiodh i ’m feasd gun òr* aicè, ’S Righ Deorse air a cùl. * He was a Captain in the Army. [TD 211] XII. Dheanain mirè is manran ri, Le cridhe blà, ’s cainnt chiùin, ’S thigè luchd daimh is chairdean domh, Chuir fàiltè air mo rùn. ’S am fad ’s a channar Shadhach rium Gu ’m bidh mo ghradh dhi ùr; Agus gur i Mari Anna An annir ’m bheil mo dhùil. ORAN XXXVII. DO DHUINN’ UASAL ARAIDH ANN AN SHIREACHD PHEAIRT. I. ’AM bheachd fein gur gorach, ’S gur aimedeach thu Dhonuill, Thu bhi luidhe t-onar, ’S gun thrèig thu Nigh’n-an-Deora, ’S i shiol na ’n daoine coire, Na ’m b’ aithne dhuit a seorsè. [TD 212] II. Chuala mi thu ’g ràtha, Gun robh i teistail stàthar, Gu crionnda, ciallach, gradhach, ’S gun d’ àrich i dhuit pàistè. C’ arson rinn thu a h-aichadh, ’S nach d’ fhuair thu i am fàillinn? III. ’S e their gach te tha ’s dùthich, Sud am fear nach fiù leinn, Cha ’n eil brìgh na lùths ann, Cuiribh h-uile cù ris; Na ’m biodh e math gu sùgradh, Cha chuireadh a bhean cùl ris. IV. Mur eil thu mar bu mhiann leat, Gur mor tha thu am fiachibh; Tog ort gu grad an cliabh i, ’S bidh siubhal fad is cian lè, Cha ’n fhead i bhidh gun riarach, Ge d’ theid thu as na criochibh. V. Gur iodhna eam thu Dhònuill, S gun d’ thanig thu ’o ’n mhòrachd, A broilleach Tigh na Sròine; ’M bheil moran dhaoine còire; [TD 213] Gu bheil thu cho bheag eolais, ’S nach tàogh thu do bhean phòsda. VI. Leigse dhiot dò dhochas, Is dean an ni bu choir dhuit, ’S ’n uair theid thu ann an cò’ail, Bidh culidh mhath do ’n chlò ort, Ossain ghrinne, ’s brogan, Is leine ’n anart bhoidheach, A shniomhas Nigh’n-an-Deora. VII. Ge d’ theid thu do ’n tigh òsda, ’S ge d’ dh’ òll thu thair a chòir ann, Gun d’ theid i ceum ad chodhail, ’S gun d’ thoir i thu do ’n t-sheomar, ’S gu ’m bi i ’g earrail phog ort, ’S gun luidh i sios le deoin leat. VIII. Ge d’ dh’ eireadh orra buaireadh, ’S gum buaileadh i ’s a chluais thu, Bhiodh airechas gu luath orr’, ’S e caidreamh dhuit is buaine; ’S gun seasmhadh i ri d’ ghualainn, Ge d’ bhiodh na cairdean fuar riut. [TD 214] IX. ——Mu ’n d’ rinn mi dhuit an duanag, Gun gheall thu mult mar dhuais domh, ’S mur faigh mi e gu luath uat, No colpach as a bhuaille, Gun cuir mi thu ’n clo-bualaidh, ’S cha tig thu dheth le buannachd. X. Ach èisd, is gabh mo sheola, ’S na bris do ghealla posidh; Thoir dhachidh Nigh’n-an-Deora, ’S thoir seisachd mhath re d’ bheo dhi; ’S mo cheann gu ’m faigh thu oran, Mu bheir thu sìth is lòn dhi. ORAN XXXVIII. DO ’N CHEUDNA. An Luinneag. O sìnibh air Do’ull bàn, As an tìr so gun tàmh; Cha ’n eil ni math dha ’n dàn; Fhuair e mì-run gach mnà. [TD 215] I. THUIRT e rium, le moran boilich, Na ’n deanainn dha rann no oran, Gun d’ thugadh e mult as a chro dhomh; Ach cha do mheall e mi a’ m’ dhochas, Cha d’ thain e idir chum na co’ail. O sìnibh, &c. II. Gur fad bha e na onar, Mun do smaointich e air posadh, ’S cha bu ghiamh leam air mo brogan, Gun d’ fhuair e Catriana bhoidheach, ’S i dh’ fhior fhuil Chlann-an-Deora, ’O nach eil e mur bu choir dha. O sìnibh, &c. III. Cha d’ thain e ’o Thigh na Sròine, No do Cham-shronich Shrathlocha, ’N Auchnacarrigh cha ’n eil eolas, Dochanassi ’s beag a choir air; Ach ’s ann thanig e air fogradh, ’O righeachd Lochlinn, tìr an rèota. O sìnibh, &c. [TD 216] IV. A Gleanndeisari theid fhuadach, ’S bheir Dungallon an dà chluais dheth; ’O na chaidh e as an dualas, Cha suidh e ’m fianish nan uaislean; ’O n’ dh’ fhas na mnaithean fuar ris, ’S nach eil feum dha bhi ga luaidh riu, O sìnibh, &c. V. Fear Ghlinnibhais cha dean feum dha, Ge d’ bhithidh e caoine ’s aig èigheach; Cha d’ thoir e dha aoidheachd no èifdeachd; ’O na chuir e cùl ri chèilidh, Cha ’n eil aon fo ’n ghrein bheir spèis dha. O sìnibh, &c. VI. Cha bhuin e do Mhac Mhic Mhàrtain, ’O na tha e air bheag nàire, Gu bleidareadh, dona, dàna; ’S ann tha e dhoibh na thàmailt; B’ fhearr nach beireadh e ’o mhathair. O sìnibh, &c. [TD 217] VII. Cha d’ thain’ e ’o Chloinn Iain Bhirich, A bha math a dhireadh ’n fhirich, Le ’n lo’inn, le ’n cuilbhir, ’s le ’n gillibh; ’S a dheanadh sithunn mun tilleadh; Gur innisg e air a chinneach, ’O na tha e mimhail gionnach. O sìnibh, &c. VIII. Eireadh gach bean og is gruagach, Gus am bi faodhid mu ’n cuairt da; Bithibh ga leantuinn, ’s ga ruagadh, Gus an cuir sibh nunn thair Cluaidh e, Far am bheil na bodaich ghruamach; ’O na chaill e na buill uaisle, Cha ’n eil aon tè nach d’ thoir fuath dha. O sìnibh, &c. (Chuir am Bard an da Oran a leannas an Clo-bualaidh aris, air iarrtas moran do luchd ceannaich an Leabhair.) ORAN DO MHAC IONMHUINN AN TRATHA. I. ’S CIAN ’s gur fad tha mi ’m thamh, Gun bhidh triall air do dhàil, A Lachluinn ’o ’n airde tuath. ’S cian, &c. [TD 218] II. Na ’m biodh sneachda na ’n gleann, Na ruith leis gach allt, ’S gu ’n cailleadh gach beann a gruaim. Na ’m biodh, &c. III. Na ’n duthadh an sliabh, ’S gu ’n eireadh a ghrian, Leam bu mhiannach bhidh triall air chuairt. Na ’n duthadh, &c. IV. Cha b’ i machthir na ’n Gall, A ghlachdainn fo m’ cheann, Ach bràighe na ’n gleann so shuas. Cha b’ i, &c. V. Thoir mo shorridh thair caol, ’O nach cluinn iad mo ghlaodh, Gu buithinn gu’ n fhraoch gu ’n ghruaim, Thoir mo, &c. VI. Gu Ceann-feodhna mo rùin, Chaidh an t-ainm ud air chliù, Ceart cho fhad ’s ata Rùta uainn. Gu Ceann-feodhna, &c. [TD 219] VII. Gu talla ’n fhir fhèill, Am bidh tathaich na ’n cèud, Cillmorithe re sgèth a chuain. Gu talla, &c. VIII. Dhomhsa b’ aithne do bhèus, ’N àm cromaidh do ’n ghrèin, Gu ’m biodh farrum na ’n tèud ad chluais, Dhomhsa, &c. IX. A ghnùis a dhiùlt bhidh fo sprochd, ’S nach d’ chuir cùl re fear bochd, A lean an dùchas ’s a chòir bu dual. A ghnuis, &c. X. Cha b’ e ’n cleachda bh’ aig càch, A ghlac thu mar ghnàs, A bhidh smachdail mu ’n mhàl air tuath. Cha b’ e, &c. XI. Fhuair thu sèud ’o Shiol Leòid, Na ’m bratichean sròil, Na ’n sligè, na ’n còrn, ’s na ’n cuach. Fhuair thu, &c. [TD 220] XII. Ghlachd thu ’n èuchdag mar mhnaoi, Cha robh an leirsinn ud claon, ’S glan do chèile re d’ thaobh, ’s gur suairc. Ghlachd thu, &c. XIII. Beul is binn thogadh fonn, Slios mar eala na ’n tonn, Caol mhala nach crom le gruaim. Beul is, &c. XIV. Aig an Ailpaineach ghlan, An fhuil righail ’o shean, Itè Fìr-eoin nach mean re luaith. Aig an, &c. XV. Is na ’n eireadh ort naimh, Gu ’m biodh sud aig do laimh, Clann Ghrigair na ’m piob ’s na ’n ruag. Is na ’n, &c. XVI. Leis an Ridairè ghrinn, Dh’ èireadh cridhe gach suinn, ’S bhiodh iad misneachail, macant’, stuam’. Leis an, &c. [TD 221] XVII. Agus Granntaich ’o Spè, Dh’ fhàs gu ceann-ladir treun, Sàr cheannard chuig cèud fear buaidh. Agus Granntaich, &c. XVIII. Sud a bhuidhinn nach fann, Thogadh giubhas re crann, Thairneadh iubhar na ’m meall ’o n’ cluais. Sud a bhuidhinn, &c. II. Bhiodh an fhiùthaidh chaol rèth, ’M bian dubh-ghlas an fhèidh, Ga ghiulan air èileadh cuaich. Bhiodh an, &c. ORAN DO DH’ FHEAR RUADH-SHRUTH. I. THA mulad, tha mulad, Tha mulad ga ’m lionadh, Tha mulad bochd truadh orm, Nach dual domh chaoidh dhireadh. Tha mulad, &c. [TD 222] II. Mu Mhac Ghrigair a Ruadh-shruth, Ga ’m bu dual bhi ’n Gleannliomhunn, Mu Mhac Ghrigair, &c. III. Mu Mhac Ghrigair na ’m bratach, Ga ’m bu tartareach pioba. Mu Mhac Ghrigair, &c. IV. Ga ’m bu shuacheantas giubhas, Re bruthach ga dhireadh. Ga ’m bu, &c. V. Crann caol air a dheadh locradh, ’S itè dhosrach an fhir-eoin. Crann caol, &c. VI. Crann caol air a dheadh shnaithe, Cuid do dh’ aighir mhic Righ e; Crann, caol, &c. VII. Ann an laimh dheadh Mhic Mhuirich, Ga chumail deas direach. Ann an, &c. [TD 223] VIII. Ge do bhuail e mi ’m ba-laoch, Ga ’m ghearan cha bhidh mi. Ge do, &c. IX. Ge do dhean iad orm èa-còir, Ni bheil neach ann ni dhioladh, Ge do, &c. X. ’S luchd a ghabhail mo leisgal, Ann ’s a chìll ta ’n so shios uam; ’S luchd a, &c. XI. Luchd a sheasmhadh mo chòir dhomh, ’S e mo leon iad bhidh dhi orm. Luchd a, &c. XII. Mo chomh-altan gaolach, Ann lebai chaoil, ’s an cinn iosal. Mo chomh-altan, &c. XIII. Ann an lèintean chaoil anairt, Air am fàimeadh le sioda. Ann an, &c. [TD 224] XIV. Ge d’ nach d’ iar sibh ga ’m fua’al, Mnaithean uasal na tìrè. Seagh, fhuair, &c. XV. Ort bheirinnse comhairl’, Na ’n gabhadh tu uam i. Ort bheirinnse, &c. XVI. ’N uair theid thu ’n tigh-osda, Na h-òll ann ach aon deoch. ’N uair theid, &c. XVII. Gabh do shearrag ad sheasamh, Is bidh freasdlach mu d’ dhaoine, Gabh do, &c. XVIII. Na dean diuthadh do dh’ fhear dhiu’, Oir is raoghain gach aon duin’. Na dean, &c. XIX. Dean am faothar do ’n gheamhra, ’S dean an samhra do ’n fhaoilteach; Dean am, &c. [TD 225] XX. Dean do leabai ’s na cragibh, Is na caidil ach eatrom. Dean do, &c. XXI. Ge h-aineamh an fheorag, Gheabhar seol air a feadain: Ge h-aineamh, &c. XXII. Ge h-uasal an seabhag, ’S tric a ghabhar le fàill è. Ge h-uasal, &c. RANN AIR SEALLADH. DO SHEUMAS MAC PHEARSAIN, CHI mi talla Righ na ’m Bard, ’M Baidaneach, ann ’n seolladh Spè; ’S mu ’n deach e Lunnuinn, do ’n chìll, ’S esan nach do dhibir glèus. Bidh cuimhne air ’o linn gu linn, B’ e sud am filidh a bha trèun, A dh’ fhag na dheigh, ann ’n eachdruigh sgriobht, Gach feachd is gniomh bha riamh ’s an Fheinn. [TD 226] AN DUNA. I. THA mi cuir crioch air mo cheòl, Le cliu ro-mhor do Righ na feart, A chum mi cho fada beo, An slainte an dochas, ’s an neart; II. ’S mu labhair mi bheag as a chòir, ’S e dith eòlais a bha ’m bheachd; Ach tha ’n fhirin searbh gu leoir, Ge d’ is òrdhearc i na dreach. III. Is iomad facal faoin, gun fheum, Thanig as mo bheul amach, ’S diomhanas gach ni fo ’n ghrein, Le sealltainn geur orra steach.—— IV. Bu chiontach mi ’o m-oig’ gu ’m aois, Bha mi gorach, eatrom, brais, ’S gar na chruinnich mi riamh maoin, Do ’n leisg cha tug mi gaol na tlachd. V. Athair naomh, seall orm le truas, Is fuasgail orm gu luath am airc, ’S na leig mo pheacanna leam do ’n uaigh, Fuadaich uil’ iad uam gu grad. [TD 227] VI. Air sgàth na dh’ fhuiling Mac do ghraidh, A fhuair bàs, ’s a dh’ eirich ’s uas, Na folaich do ghnuis uam gu brath, Treoraich mi gu Fàras buan. A CHRIOCH.