[DA 1a] THE POEMS OF OSSIAN, IN THE ORIGINAL GAELIC, WITH A LITERAL TRANSLATION INTO LATIN, BY THE LATE ROBERT MACFARLAN, A. M. TOGETHER WITH A DISSERTATION ON THE AUTHENTICITY OF THE POEMS, BY SIR JOHN SINCLAIR, BART. AND A TRANSLATION FROM THE ITALIAN OF THE ABBÈ CESAROTTI’S DISSERTATION ON THE CONTROVERSY RESPECTING THE AUTHENTICITY OF OSSIAN, WITH NOTES AND A SUPPLEMENTAL ESSAY, BY JOHN M‘ARTHUR, LL. D. PUBLISHED UNDER THE SANCTION OF THE HIGHLAND SOCIETY OF LONDON. MAGNA EST VERITAS ET PRÆVALEBIT. VOL. I. LONDON: PRINTED BY W. BULMER AND CO. CLEVELAND-ROW; SOLD BY G. AND W. NICOL, BOOKSELLERS TO HIS MAJESTY, PALL-MALL; CREECH, BELL AND BRADFUTE, CONSTABLE AND CO. EDINBURGH; AND ARCHER, DUBLIN. 1807. [DA 2a] [Blank] [DA 3a-4a] ADVERTISMENT. [Beurla] [DA 5a-6a] CONTENTS OF THE FIRST VOLUME. [Beurla] [DA 1-232] A DISSERTATION ON THE AUTHENTICITY OF THE POEMS OF OSSIAN BY SIR JOHN SINCLAIR, BART. [Beurla] [DA 233] PRŒLIUM LODINIS POEMA. CARMEN PRIMUM. [DA 234] [Blank] [TD 1] [Laideann] [TD 2] CATH LODUINN. DUAN I. v. 1-17. SGEUL ri aithris air àm o aois. Chaoin aiteil, gun t’ fhaicinn a chaoidh, Lùbadh cluaran mu Lora nan sian; Thu air astar an caol-ghleann na gaoith, C’uime thréig thu mo chluasa co dian? Cha chluinnear gairm nan liath shruth ard; No guth clarsaich o charn nan gas. Mhalmhina nan teud thig do d’ bhard, Till anam do bhaird air ais; Till m’ anam, a lamh-gheal, dhomh féin. Mi coimhead air Lochlin nan sonn, Ciar uisge Uthorno nan tonn; O’n iar-chuan a’ tearnadh mo righ; ’S muir bheucach fo ghaoith a’ strì; ’S neo-lìonor glan oigridh nam beann Tir choigrich a’ togail fo’n ceann. Ghairm Starno o Loduinn fear faoin, [TD 3] [Laideann] [TD 4] ’Chuireadh Fhionnghail gu cuirm nam fleagh: Chuimhnich an righ an òigh chaoin; Ghluais ardan a làmh ri a shleagh. “Ni ’m faicear leam Gorm-mheall no Starno: Tha bàs a’ snàmh, mar fhaileas ciar, Air inntinn an triath a tha borb; Cha tréig m’anam an dearsa o’n ear, Ainnir làmh-gheal a’s àirde cliu. O m’ fhianuis, mhic Lòduinn, gu grad. Dhomh féin ata fhocal mar ghaoith, A thogas ’s a thréigeas an dos An dubh-ghleann fo dhubh-nial ciuin.” “Dhubh-mhic Roinne nam bàs-arm geur; Chromaghlas, fhir cruaidh nan sgiath; Shruthmhor, a thuineadh riamh An truscan ciar na còmhraig; Chormar, leis is dionaiche long A’ gearradh a h-astar feadh thonn Gun chùram, mar theine nan speur Ro’ bhearna beur nan neul; Eiribh grad, a chlann nan sonn, An tir choigrich mu ’n iadh an tonn. Sealladh gach duin’ air a sgiath, Mar Threunmhor, fear riaghladh na còmhraig. Thusa chòmhnuis am measg nan clàrsach, A sgiath bhallach druid-sa gu m’ làimh; Till an sruth mòr so o m’ thaobh, No ri m’ thaobh biodh do thuineadh fo làr.” [TD 5] [Laideann] [TD 6] Mu ’n righ ghrad dh’ éirich triatha borb; Ghlac iad uile an sleagh le colg; Las an sùil gun fhocal nam beul, ’N anam ’g eirigh ard do na trein. Air sgéith chualas screadan nan lann; Ghabh iad uil’ am monadh fo ’n ceann; Sheas na fir an duibhre liath Air ardaibh ciar na h-oiche Bristeadh durdan nan duan ciuin Air osag ùr nan sliabh. Làn as mall bha’n ré air ton; Am màile liath thig triath nan sonn, Dubh mhac Roinne o chrom nan dos, Sàr shealgair nan torc ciar. B’e miann an fhir an t-eathar donn Ag éirigh suas air cuan nan long, Nuair dhùisgeadh Cromthormod a choill’ An talamh foill agus naimhde. Cha robh eagal an anam an Dùir. “Mhic Chumhail, an sgaoil mi mo cheum, Measg oiche? o sgiath nam beum An seall mi mu ’r naimhdibh gu léir An sàmhchair fo fhaileas nan speur, Mu righ Lochlin gun iochd, gun bhàigh, Sàr Shuaran, namhaid borb nan dàimh, Taomadh thall nan rann air chòmhla Do chlach Lòduinn nam fuar thaibhs’? Cha ’n ann gun fheum tha ’n fhocail màll [TD 7] [Laideann] [TD 8] Ri Loduin nan Gaul treun. Mar till mac Roinne, a thriath, Bhean bhanail tha triall na h-aonar, An àite tachairt do gharbh shruth nan sliabh, O Chruailinn tha sìos a’ taomadh. Air gach taobh tha cruach agus carn, Gorm-choille, beur ard, as beuc’ cuain; Tha sùil mo mhic air eoin nan tonn Faoin sheachran nan tom an òige. Thoir ceann an tuirc do cheann nan daoine; Innsear dha nach b’ fhaoin mo shòlas, Nuair thàinig neart riabhach nan cnoc Air gorm-shleagh nan torc an Uthorno. Innsear dha mo ghniomh ’sa chòmhrag; Innsear air chorr dha mar thuit mi.” “An dì-chuimhn’ air m’ aithreachaibh treun Cha d’ thàinig mi féin thar caoil: Am a chunnairt b’e àm am beum; Cha robh iad gun fheum an aois. Cha ’n ’eil an dùbhra dona donn A’ dùnadh trom mu chiabhan m’ òige: A thriath Chramo chruailinn an aonaich, Is leams’ an oiche, ’s leams’ an cunnart.” Shìn an righ gun dàil a cheum Thar Turthoir nam beuc-shruth fuar, Chuir sìos a thoirm garbh le beud, Raon Ghorm-mheall na cheò féin gun tuar. Bha ghealach air eudan nan carn, [TD 9] [Laideann] [TD 10] ’S na meadhon cruth àillidh na snuadh; Cruth aìllidh nan ciar-chiabh ard, Oigh Lochlin an uchd bhàin o stuadh. Bu liònor, ’s bu ghearr a ceum, Duan briste gun bheud ’sa ghaoith. Dh’ éirich a ruighe geal gun fheum; Am bròn na h-anam ’s i baoth. “A Thorcuil-torno nan ciabh glas, Am bheil astar do chas mu Lula, Do ghath teine mar eibhle dol ás Aig sruth a tha cas fo dhùbhra? C’ àit’ an do ghabh thu tuinneas thall, Athair òigh bhàin nan ciar chiabh? Chi mi triath Lula nam beuc Cuir nan cleas mu chiar chruth Loduinn, Nuair a dhùineas an oiche mu speur. Thu ceileadh na ré fo sgéith mòirchuis: Chunnaic mis i dorcha as donn; Bha teine nan tonn ann do chiabh, ’S tu snàmh uam mar shiubhal nan long. C’ uim’ nach cuimhne do ’n t-shonn air m’ fhiamh? A righ nan torc riabhach gun ghìomh, Seall-sa sìos o thalla Lòduinn Air ainnir fo bhròn na h-aonar.” “Co thusa, ’s caoine guth fo dhùbhra?” Thionndaidh i cùl ris an t shonn. “Co thusa, san oiche fo chùram?” Dh’ aom i dlù ri còs nan tonn. [TD 11] [Laideann] [TD 12] Dh’ fhuasgail an righ an iall o làimh; Dh’ fheoraich e le bàigh m’a sinnsra. “Bha Torcul-torno,” labhair an òigh, “Aig Lula nan sruth mòr a’ tàmh; Bha thuinneas aig Lula nan seòd— Tha ’n t-shlige chorr an diugh ’na làimh An talla Loduinn nan gruaidh ciar. Thachair è as Starno nan long Am meadhon nan tom an còmhrag; B’ fhada spairn nan ciar-shuileach donn. Thuit m’ athair, an sonn, fo dhòruinn, Torcul-torno nan gorm sgiath. Air taobh na craig aig Lula féin Thuit ruadh-bhoc nan leum fo m’ iuthaidh. Mar thionail mo lamh, ’s mi leth-aobhach, Mo chiabhan air faondra ’sa ghaoith, Chualas toirm: mo shùile plaosg’; M’ urla caoin ag éirigh ard; Bha mo cheum gu Lula nach faoin Gu Torcul nan cuan ’s nan carn. Co a t’ ann ach Starno, an righ, A dhearg shùil ag iadhadh graidh? Bu dorcha garbh a mhala dhubh, ’S è gàire gun chruth le sòlas. C’àite bheil m’ athair bu mhòr, Triath nan tòrr, bu chòrr an còmhrag? Thréigeadh measg naimhde an òigh, Nighean Thorcuil nan seòl còmhnard! [TD 13] [Laideann] [TD 14] Ghlac è mo làmh, as thog è ’n seòl; Chuireadh mis an còs an duibhre. Air uairibh thig esa, mar cheò, Togail am chòir sgiath m’ athar. Gath òige dol seachad air uair Mu dhall dhorus thruagh nan còs; Mac Starno, fear siubhail nan cruach; Tha m’ anam fo luaidh do ’n òg.” “A nighean Lula nan geal làmh,” Thuirt Fionnghal, “ainnir a bhròin, “Tha nial am measg teine a’ snàmh Air t-anam, a ghràdh nan seòd. Na seall air ré fo éididh dhonn, No air teine nan tonn o speur; M’ an cuairt ata staileann nan sonn, Eagal trom do d’ naimhdibh, a bheus. Cha ’n e staileann nan lag a t’ ann, No anam càm nam faoin fhear. Cha chaoin òigh an talla nan lann A ruighe bàn a’ sgaoileadh na h-aonar. Tha i aillidh measg a tróm chiabh Tribuail clàrsaich nan triath an Selma; Cha ’n ’eil a guth a’ caoineadh air sliabh, Sinn a’ tiomachadh riamh air fonn.” * * * * * * * * Shìn an righ a cheum gun stad Ro’ dhuibhre nan ciar thom; [TD 15] [Laideann] [TD 16] Fhuair e craobh Lòduinn gu grad, ’S i lubadh fo osna gu trom; Tri clacha le coineach ghlas, Sruthan cas a’ ruith ri ’n taobh; Os an cionn bha ’n teine dol ás, Cruth Lòduinn an ceò ’s an gaoith, Bha tanas a’ coimhead gu h-ard Leth-dheante do dheathach ’s do cheò. Chluinnteadh guth briste le spairn, ’S toirm uild a’ taoma o ’n ord. Ri taobh daraig gun duille san fhraoch Chluinnt’ a chòmhra ri laoìch gun bhàigh, Ri Suaran as Starno neo-chaoin, Droch naimhde maraon do ’n dàimh. Dh’ aom iad air sgiathaibh dubh-dhonn Le sleaghaibh nan dorn gu teann; Fuaim gaoithe mu Starno nan long, ’S a dhubh fhalt a’ taomadh m’ a cheann. Bhuail farum a cheum an cluas; Dh’ éirich iad suas nan airm. “Leag fear seachran na h-oiche, Shuarain,” Labhair Starno ’na ardan mhòr; “Glac-sa sgiath t-athar a’ d’ làimh; Tha cruaidh mar charraig nan còs.” Thilg Suaran a shleagh gu grad; Stad as chrith i an sean chraoibh Lòduinn. Tharruing na suinn ri chéile Le ’n lannaibh a’ beumadh còmhraig; [TD 17] [Laideann] [TD 18] Bha cruaidh a’ spealtadh air cruaidh, Lùiriche fuaim agus màile; Ghearr mac Luinn na h-ialla uallach; Thuit an sgiath mheallach san làraich; Chaisg an righ a làmh gu h-ard, Le faicinn sàr Shuaran gun airm; Thionndaidh a shùil fhiadhaich ’na cheann, Agus thilg e a lann air làr; Tharruing e cheum mall o ’n t-sliabh, Fonn òrain a’ tùchadh na chliabh. Gun fhios do athair ni ’n robh Suaran; Thionndaidh Starno cheann o ’n tom; A mhala dhubh a’ cromadh trom Air aghaidh uaibhreach an ardain. Bhuail craobh Lòduinn leis an t-sleagh; Shìn e cheum, is ghabh e chathar. Thill gu Lochlin nan gorm lann Gach fear gu mall, na astar féin, Mar shiùbhladh an cobhar dà àld O dhà ghleann, as sian ’sa bheinn. Gu Turthor thill an righ; Glan dh’ éirich dearsa o ’n ear. ’Na làimh an iomall na h-oiche Shoillsich airm Lochlin nam mòr thonn. Glan araon o charraig nan còs Ghluais nighean Thorcuil nan caoin bheus, Tional a ciabh throm o ’n ghaoith, ’S a’ togail guth le binneas theud, [TD 19] [Laideann] [TD 20] Guth Lulain nan slige fial, Talla cònuidh nan triath ard. Chunnaic airm Starno ’na làimh; Las sòlas an anam na h-òigh: Chunnaic sgiath Shuarain r’a thaobh, Is thionndaidh o cheannard an t-slòigh. “An do thuit thu aig do cheud sruth A rùin ainnir nan ceud bròn?” Uthorno a dh’éireas o uisge, Air do thaobh tha dealain na h-oiche. Chi mi ghealach dubhach donn, Am measg nan tonn, air chùl do choill’; Ri d’ mhullach tha Lòduinn ’sna neoil, Tigh mòr nan seòd a dh’aom o shean. An ceann an talla chithear thall Cruth Lòduinn nan gorm lann; Chithear, mar fhaileas an ceò, ’Dheas làmh an scleò air ni mar sgéith; ’Làmh chli air slige nach faoin, Slige sòlais nam mòr thriath. An talla taibhs’, bu ghlaise snuadh, Chìt’ aisre dealain nan stuadh. Chruinnich sìol Lòduinn r’a chùlaobh, Seoid as ùr, as suinn o shean. Shìn esan an t-slige chùbhraidh Dhoibhs’ a shiubhladh gu còmhrag glan; Eadar e ’s geilteara dh’ éirich An sgiath mheallach, bhearnach, dhonn, [TD 21] [Laideann] [TD 22] Mar ghealach a’ dubhadh ’sna speuraibh, No tein-adhair a’ luidh air an tom. Mar bhogha braoin air aghaidh stuadh Thàinig òigh bu ghlaine snuadh. [TD 23] [Laideann] [TD 24] [Blank] [TD 25] PRŒLIUM LODINIS POEMA. CARMEN SECUNDUM. [TD 26] [Blank] [TD 27] [Laideann] [TD 28] CATH LODUINN. DUAN II. v. 1-17. “C’ AITE ’m bheil gaisgeach nan triath?” Thuirt Dubh mhac Roinne nan sgiath donn. “Co ’n nial a cheil anns an t-sliabh Og dhearsa o Shelma nan tonn? An e an righ a chithear thall Tighinn o charn fo sgéith na h-oiche? Tha mhadainn air Thoirne nan stuadh, ’S a ghrian air a chruaich an ceò. Togaibh am fhianuis an sgiath, Mhòir ghaisgich an triath a dh’fhalbh: Cha tuit e mar thein air an t-sliabh, Dorcha dh’ fhaicear a thrian air làr. Sud féin e mar iolair nan speur, A’ tearnadh o bheinn ’sa ghaoith; Tha faoibh an nàmhaid na làimh. Bha m’ anam, a righ, fo bhròn.” “Tha na naimhde teannadh r’ar làimh, [TD 29] [Laideann] [TD 30] Mar stuaidh tigh’n anall fo cheò, Nuair a chithear fo chobhar an ceann Thar smùid, nach eil gann, as scleò. Crithidh fear-siubhail na thriall, Gun fhios dha cia rian is còir.” “Cha chrith, mar fhir siubhail, sinn féin; Tairnibhs, a thréin, ar cruaidh. An éirich mo lanns’ air a bheinn, No ’m fàg mi dhuibh féin a bhuaidh?” “Na gnìomha dh’fhalbh,” thuirt an Dubh, “Tha tighinn an diugh fo m’ shùil; Tha Treunmor bu leathan sgiath, Ri fhaicinn measg thriath a bh’ ann. Cha bu lag anam an righ, ’S cha robh a smaointe riamh fo ghìomh. O ’n ceud sruth mòr ’san fhraoch Thachair slòigh an caol-ghleann Chòna; Bha ’n triath r’an taobh ’san t-sliabh. Co dh’ imicheas sìos gu còmhrag? Tharruing iad gu’n leth an lainn; Bha dearg-shùil ’s gach ceann fo ardan; Gach fear leis féin ’san doire thall, ’S e mùchadh nan dàn fo ùrla. C’ar son a ghéilleadh iad da chéile? Bu choimeas bha feum an sinns’re. Bha Treunmor le shleagh chòrr ’san t-sliabh; Bu ghasda fo chiabh an t-òg-fhear; Chunnaic e ’n nàmhaid a’ triall, [TD 31] [Laideann] [TD 32] ’S bha anam gu ciar am bròn. Dh’ iarr e air gach gaisgeach treun Ma seach bhi riaghladh na Comhraig. Chaidh, ach thill iad fo bheud O ’n nàmhaid as beinn na comhstri. O charraig féin, fo chóineach ghlas, Theiring Treunmor nan gorm sgiath; Tharruing gu leathan sa chomhraig, As ghéill anns a charraid na dàimh. M’ an cuairt do ’n triath an sliabh a bhlàir, Thionail na sàir le aoibhneas mòr. Mar aiteal, is taitneach ’sna raoin, Bha guth cumhachd gu caoin o Shelma. Bhuail na triatha leo féin an còmhrag, Gus an d’ éirich ’sa chomhstri cunnart; An sin a bha àm do ’n righ Chuir ceann air an strì le chruaidh.” “Cha ’n ann gun eòlas dhuinn féin,” Thuirt Cromghlas nan geur lann, “Chaidh sinns’re nam beann fo ùir. Co e bheir còmhrag san t-sliabh, As righ nam beann ard air chùl? Tha ceathach thall air iomadh tom; Buaileadh sonn ’s gach cruaich a sgiath; Thig tanas an duibhre gu lom, A sheòlas gu comhstri an triath.” Dh’ fhalbh, as ghabh gach triath a thom; Chuir baird nam fonn am beachd air triatha. [TD 33] [Laideann] [TD 34] Bu labhra na caismeachd nan sonn Toirm an Duibh o chopan ciar, ’S e togail a sgiath ’sa chòmhraig. Mar thoirm mhòr o uisge thall Thàinig sìol Thoirne anall; Bha Starno an eudan còmhraig, As Suaran o innis nan stoirm. Sheall gach laoch o dhonn sgiath, Mar shàmhla ciar aig cloich Lòduinn, Nuair sheallas e o chùl na gealaich, ’S i dubhadh fo eallach ’san speur, As dealan tanais sgaoilte ’san oich’. Thachair aig Turthor na suinn, Mar bhruailleinn thonn air druim a chuain. Bha beuma beucach dlù ri chéile; Am bàs a’ leum thar tréin ’san t-sliabh, Mar nial do chlacha-meallain garbh, As gaoth mhòr na cearb ag éirigh; Na sianta mar thorrunn a’ falbh, ’S muir dhorcha le spairn a’ beucail. A strì Thoirne, ’s duibhe gruaim, C’ uim’ an cuirinn an duan do chreuchda? Tha thu ’san àm a chaidh suas, A tha gun tuar do m’ léirsinn. Thàinig Starn’ anall le còmhrag, As Suaran mòr le chearb do’ n strì. Cha robh do lann gun bhrigh ’sa chomhstri, A Dhuibh mhic Roinne o ’n Tuath thìr. [TD 35] [Laideann] [TD 36] Theich Lochlin thar an uisge thall; Bha triath’ nan lann air call an smaointe. Thionndaidh iad am mòr rosg mall Air teicheadh o ’n charn do’n t-sluagh. Chualas stoc Fhionnghail o ’n chruaich; Thill sìol Alba o ruaig sa’ ghleann. Bu lìonor mu Thurthor nan stuadh A thuit gaisgich gun tuar fo lann. “A thriath Chrathmo,” thuirt an righ, “Mhic Roinne, shealgair nan torc ciar; Gun bheud cha do thill thu o ’n strì, A gharbh iolair a’ tearnadh o ’n t-sliabh. Bithidh Lanshùil an urla bhàin Fo aoibhneas aig a h-uisge féin, Le Ceann-daoine, òg mhac do ghraidh, ’S e ’g iadhadh mu Chrathmo fo ’n bheinn,” “’S e Cùlghorm,” fhreagair an sonn, “An ceud fhear chaidh null do dh’-Alba; Culghorm, ciar mharcaich nan tonn Thar gleannaibh crom an t-sàil. Thuit a bhrathair le làimh an laoich, As dh’fhàg e faoin a thalla thall; Ghabh tuinidh an Cruailinn an fhraoich Am measg sàmhchair nam baoth charn. Thàinig a shiol amach ’nan àm Gu comhstri nach gann ’sa bhlàr; Thuit iad an comhstri nan lann; ’S leamsa lot shinns’re bu shàr, [TD 37] [Laideann] [TD 38] A righ innis a’s fuaimeara carn.” Tharruing e ’n iuthaidh o thaobh; Gun tuar thuit an laoch gu làr; Shiubhail anam gu shinns’re nach caoin, Gu innis mhaol nan stoirm ard A’ leantuinn tanais tuirc do cheò Air sgiathaibh nan gaoth mòr ’sa charn. Sheas laoich gu sàmhach m’ an cuairt, Mar chloich Lòduinn nam fuath air sliabh, Nuair a chi fear siubhail iad shuas O astar an fheascair ro’ chiar, ’S e ’m barail gur tanais nan aosda, Tha suidheachadh faoibh nam blàr. Thuit an oiche air Toirne donn; Sheas iadsa m’ an t-sonn fo bhròn. Bha osag ma seach anns gach ciabh An co-thional nan triath mòr. An sin bhris o ’n righ gu mall Na smaointean a bha thall na chliabh; Ghairm Ullin nan clàrsach ’s nan dàn, As dh’iarr moladh eirigh mu ’n triath. Cha tein’ e chaidh sìos gun leus, A chithear, ’s a leumas o ’n t-suil; Cha dhealan, a chaillear ’sna speur; Chaidh esa, bha treun air chùl. Bu chos’ail ri grein an laoch, A sheasas fad air faobhar bheann. Gairm air ais a shinns’re nach b’fhaoin [TD 39] [Laideann] [TD 40] O ’n tuinidh ’san àm a bh’ann. “Innis Thoirne,” thuirt am bard, “A dh’éireas gu h-ard ’sna stuaidh, Chi mi fo ghruaim do cheann thall Measg cheathaich a’ snàmh air chuan; O do ghleannaibh thàinig na triatha Mar fhior iolair nan sgiath treun; Sìol Chulghuirm na màile ciar, Tha ’n Lòduinn, tigh liath nan speur.” An ard Thoirne, innis nan gaoth, Dh’éireas Lurthan nan sruth-charn; A liath-cheann gun choill’, ’s e maol, ’S a chathar faoin ’na chaol ghleann. Aig fuaran Churtho ’s fuaimear braon, Thuinidh Rurmar, sealgair nan torc. Bha nighean mar dhearsa caoin, Strìnandaoine an uchd bhàin. ’S lìonmhor righ, a b’ airde triath, ’S lìonmhor triath fo sgiathaibh donn; ’S iomadh òg, bu truime ciabh, Ghabh talla Rurmhair nan ciar long; Thàinig air ionnsuidh na h-òigh Gu slios Thoirne fhiadhaich fhaoin. ’S ainnir ghasd, do’n géill na slòigh. Sheall i sìos o ceumaibh caoin, Strìnandaoine nan cioch ard. Ma ’s ann air siubhal an fhraoich, Bu ghile na ’n canach a cruth; [TD 41] [Laideann] [TD 42] Ma ’s ann air tràigh nan stuadh faoin, Na ’n cobhar air aomadh nan sruth. Bha sùilean soluis mar dhà reul; Mar bhogha nan speur am braon A gnùis àluinn fo ciabh féin, ’S duibhe no nial fo ghaoith; Bu tuinidh dhuit anam nan laoch, A Strìnandaoine, bu chaoine làmh. Thàinig Culghorm na loingeas féin, As Corcul-Suran, an treun fial, Na bràithre o Thoirne nam beum, A dh’ ionnsuidh dearsa nan ceud triath. Chunnaic i na laoich ’nan cruaidh; Bha h-anam a’ luaidh air Culgorm. Sheall caoin-reul Lochlin o stuaidh Air ainnir àluinn bu ghloine urla, ’S i togail a làmh gheal chaoin, Strìnandoine, bu ghuirme sùil. Bha gruaim air na bràithribh fo ardan; Thachair an sùilean an sàmhchair; Thionndaidh o chéile na garbh thréin; Bhuail iad an sgiatha san làraich; Chrith gach làmh an ceann gach lainn; Chaidh iad an carraid nan laoch Mu Strìnandaoine b’fhaide ciabh. Thuit Corcul-Suran ’na fhuil An innis nan tuil ’s nan carn. Chuir athair òg Chulgorm gu muir [TD 43] [Laideann] [TD 44] O Thoirne nam muc, a tha thall, Air seachran mar chaochla’ na gaoithe. An raon fada Chruailinn an fhraoich Ghabh saoi nach robh faoin a thamh. Na aonar cha do thuinidh an laoch; Bha dearsa bu chaoine r’ a làimh, Nighean Thoirne, a b’ airde fuaim, Strìnandaoine nan gruaidh tlà. [TD 45] [Laideann] [TD 46] [Blank] [TD 47] PRŒLIUM LODINIS POEMA. CARMEN TERTIUM. [TD 48] [Blank] [TD 49] [Laideann] [TD 50] CATH LODUINN. DUAN III. v. 1-17. CIA às tha srutha na bh’ann? C’ uin’ a thaomas an t-àm tha falbh? C’ àit’ an ceil aimsir a dà cheann? An ceathach tha mall ’s nach gann, A taobh ballach le gniòmh nan seòd. Tha mo shealladh air linnte dh’ aom; Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann, Mar dhearsa na gealaich tha faoin, Air linne tha claon ’sa ghleann: An so dh’ éireas dealan na comhraig; ’N sin thuineas gun sòlas neo-thréin; Cha chuir iad an gniòmha air chòmhla Air aimsir, tha mothar ’nan déigh. Thus’, a thuineas am measg nan sgiath, Thogas anam nan triath o bhròn, A chlàrsach o Chòna nan sian, Thig sios o ’n bhalla am chòir; [TD 51] [Laideann] [TD 52] Le d’ thri ghuthaibh thig gun stad, Soillsicheadh gu grad na dh’fhalbh; Tog sàmhla nan laoch, nach robh lag, Air chiar àm, a chaidh fada thall. A Thoirne nan stoirm ’s nan cruach, Chi mi shuas mo dhream ri d’ thaobh; Fionnghal ag aomadh fo ghruaim, Thar uaigh Mhic Roinne nach b’ fhaoin. Ri làimh tha ceuma nan triath, Sàr shealgaire nan ciar thorc mòr, Aig Turthoir a’ luidhe ’san fhraoch Righ Lochlin ’s a laoich an ceò; An dà righ feargach air dà charn A’ coimhead anall thar an sgiathaibh; Bha ’n sealladh air reulta na h-oiche, Tha seachran le soillse gu h-iar, Cruth Lòduinn ag aomadh gu h-ard, Mar theine leth-chaillte ’an nial, ’S am Fuath a’ cuir a mach nan gaoth Le dealain ri ’n taobh ro’ bhàs. Chunnaic Starno, le eòlas, nach b’ fhaoin, Nach géilleadh an saoi ’sa bhlàr. Tri uaire bhuail e chraobh le feirg; Bha shiubhal gun mheirg gu mhac, ’S e mùchadh nam fonn dha féin, ’S a’ clàistinn gaoith thréin ’na chiabh. Thionndaidh na saoi o chéile, Mar dhà dharaig threun ’sa charn, [TD 53] [Laideann] [TD 54] Gach aon diubh do ghaoith a’ géilleadh, ’S ag aomadh o bheinn thar àld; Crithidh am mòr gheugan thall Fo osaig, a bheucas o ’n ghleann. “Bha Annir,” thuirt righ nan loch ciar, “Mar theine chaidh sìos o shean; Thaom e o shùilean am bàs An còmhrag nam blàr ’s nan sgiath; Bha shòlas am bàs nan laoch; Fuil cho caoin ri sruth an t-sàmhraidh, Nuair a bheir e o ’n ard chraig fhaoin Aoibhneas nach baoth gu gleann cathair. Thàinig e mach o Luthcormo An coinneamh Chormain, an sonn treun, Esa o Urlor nan sruth, A thuine fo sgéith a chòmhraig.” Thàinig Corman ’na loingeas dhonn Gu Gorm-mheall, mu ’n iadh an tonn. Chunnaic nighean Annir nam beum, Fiona gun bheud ’s nan làmh-gheal: Chunnaic e, ’s cha b’ fhaoin a sùil Air maraich, bu dhubh-ghorm triall. Dh’fhalbh i gu luing anns an oiche, Mar ghealach a’ boillsgeadh ro’ ghleann. Ghabh Annir an cuan mòr fo cheann; Ghairm e gaoth neartor gu chrann. Cha ’n ann leis féin a bha ’n laoch; Bha Starno, a mhac ri thaobh. [TD 55] [Laideann] [TD 56] Mar iolair Thorno fo òg sgiath Thionndaidh mo shùil air an triath. Thàinig sinn gu Urlor bheucach. Le shluagh ghluais Corman, an treun fhear. Bhuail sinn, as thug an nàmhaid buaidh. ’Na fheirg sheas m’ athair fo chruaidh; Ghearr e na badain le lann, ’G an sgathadh fo ardan nach gann. B’ fhiadhaich as bu dhearg a shùil. Chunnaic mi anam gu chùl, As ghabh mi dùbhra na h-oiche; Thog mi cruaidh chlogaid o ’n raon, Sgiath bhearnach o bheum nach b’fhaoin, Agus dh’ iarr mi ’n nàmhaid thall Le sleagh gun cheann am làimh Air carragh shuidh Corman an treun, Darag a’ lasadh roimhe féin; Fo chraoibh, nach robh fada thall, Bha Fiona ghasda nan rosg mall. Thilg mi ’n sgiath bhriste ’na còir, As labhair le foill mu shìth. “Air taobh a mhuir bheucaich féin Tha Annir ’na luidhe an treun; Thuit an righ ’sa chòmhrag gun bhuaidh; Tha Starno togail na h-uaigh’; Chuir mise o Lòduinn anall Gu làmh-gheal ghasda nan rosg mall A dh’ iarruidh da h-athair a ciabh, [TD 57] [Laideann] [TD 58] Theid marris an triath ’san ùir. Thusa, righ Urloir nan gleann, Caisg còmhrag, as taisg do lann, Gus am faigh e ’n t-slige fhial O chiar làimh dhearg Chruth Lòduinn.” Dh’ éirich an òigh fo dheoir ’san t-sliabh, Tharruing i o leadan a chiabh, Bha seachran air a broilleach bàn Fo osaig, bha snàmh gu mall. Chuir Corman an t-slige am làimh; Dh’ iarr e an aoibhneas mo thàmh. Luidh mi teann air anns an t-sliabh, M’ aghaidh fo chlogaid bu chiar. Thuit cadal air an nàmhaid thall; Dh’ éirich mi mar thanas mall, Bhuail mi Corman mòr ’san taobh; “Fhiona, bha d’ fhaobh air mo lann; Bha do bhroilleach fo fhuil san fhraoch. C’ ar son, a nighean nan laoch a bh’ ann, Mhosgail thu ardan do bhràthar?” Dh’ éirich madainn; dh’ fhalbh an nàmhaid, Mar cheò tha snàmh air a bheinn; Bhuail Annir copan nan sgiath, Agus ghairm air a chiar mhac. Thàinig mi am fuil anall; Tri chuairt dh’ éirich guth an laoich, Mar osag ghaoith a bhriseas thall O nial air carn ’san oiche. [TD 59] [Laideann] [TD 60] Tri làithe chaidh aoibhneas m’ an cuairt; Cha do chuir sinn ’san uaigh na mairbh; Ghairm sinn seabhaig nan speur, As thàinig o ’n uile ghaoith Gu cuirm air faoibh nan nàmhaid. “A Shuarain, tha Fionnghal air tom ’Na aonar fo chrom na h-oiche; Buail an t-sleagh ’na thaobh ’sa bheinn, ’S biodh Starno fo aoibhneas mar Annir.” “Mhic Annir,” thuirt Suaran fial, “Cha mharbhar fo nial leam féin; Le soillse bithidh m’ astar ’san t-sliabh, ’S na seabhaig air sgiathaibh am dhéigh; Am foill c’uime ghluaiseadh fear tréun? Tha mo phiuthar a’ bacadh mo thriall.” Las fearg air an righ gun dàil, As thog e gu h-ard a shleagh; Tri uaire chlisg i ’na làimh; Ach chlisg e o bhàs a mhic. Bhuail e ro’ oiche gu luath Gu sruth Thuirthoir tha shuas ’sa chòs, ’S na chuir e nighean Thorcuil o Thuath, ’S anns an d’ fhàg e chruaidh bu chòrr. Ghairm e òigh Lula nan triath; Bha ise an nial le Lòduinn. Dh’ at ardan an anam an laoich, ’S dh’ aom e ro’ ’n raon gu Fionnghal. Luidh an righ air sgiath ’san fhraoch, [TD 61] [Laideann] [TD 62] ’Na aonar, gun smaoin air iargail. A bhorb shealgair nan torc ciar, Cha ’n i làmh-gheal nan ciabh tha d’ chòir; Cha ghiullan air raineach ’san t-sliabh, Aig sruth Thuirthoir nan toirm mòr: ’N so féin tha cònuidh nan treun, A dh’ éireas gu beum a bhàis. A shealgair nan ciar thorc ’sa bheinn, Na mosgail fuathas—fan thall. Thàinig Starno le fuaim anall; Dh’ éirich Fionnghal nan lann ’sa mhagh. “Co thusa, mhic oiche ’sa ghleann?” Thilg esa ’san àm an t-sleagh. Bhuail iad anns an strì mar aon; Thuit san raon an sgiath fo lann; Sgiath sgoilte bh’ aig Starno ri thaobh, As cheangladh e ri daraig thall. Nuair chunnaic Fionnghal righ nan long, Thionndaidh e gu trom a shùil; Bha smaointean air na laithibh a bh’ ann, Mar cheòl uasal nan caoin dhàn, Bha òigh an uchd bhàin a’ gluasad. Dh’ fhuasgail e na h-ialla o làimh. “Mhic Annir nan lann, bi falbh. Gabh Gorm-mheal nan slige mu d’ cheann; Tha dearsa na bh’ann ag éirigh; ’S cuimhne leam òigh an uchd bhàin; A righ ’s fuiliche lann, bi falbh. [TD 63] [Laideann] [TD 64] Gabh gu d’ thalla am bruailleinn thall; A dhroch nàmhaid mo ghràidh, às m’ fhianuis! Na tigeadh an coigreach a’ d’ dhàil, Fhir a ghabhas do thàmh an gruaim!” Sgeul air àm o shean. [TD 65] [Laideann] [TD 66] [Blank] [TD 67] COMALA, CARMEN SCENICUM SIVE DRAMATICUM. [TD 68] [Blank] [TD 69] [Laideann] [TD 70] CAOMH-MHALA, DÀN DEALBHCHLUICH. NA PEARSA. FIONNGHAL, CAOMH-MHALA, DEARSA-GRÉINE, Nigheana Mhorni. HIDEALAN, MILSHÙIL-CHAOMHA, BÀIRD. v. 1-9. DEARSA-GRÉINE. DH’FHALBH an t-sealg, gun fhuaim an Ardbheinn, Ach sruith a tha gairrich o charn, A nighean Mhorni, a’s gile làmh, Thigsa nall o bhruachaibh Chròna; Thigeadh an oiche le dàin; Biodh sòlas air ard na Mòrbheinn. MILSHÙIL-CHAOMHA. ’S i ’n oich’ i, òigh a’s guirme sùil, A chiar oich’ o chùl nan carn. Chunnacas leamsa fiadh ’sa bheinn [TD 71] [Laideann] [TD 72] Aig sruth Chròna mòthar mall; Mar bhruaich bha e anns an duibhre; ’S grad a leum e sìos ro’ ’n ghleann: Mu chabar bha dealan na h-oiche, Chithear soills’ air taobh nan sliabh; Bha sàmhla na bha, a’ boillsgeadh Leth-fhaicte o Chròna nan nial. DEARSA-GRÉINE. ’S e fuathas a bhàis a bh’ ann; Thuit righ nan lann ’s nan sgiath ’sa chòmhrag. Eirich, a Chaomh-mhal’ air a charn; Fhuair Caracul buaidh sa’ chòmhstri; Eirich, a nighean Sharno fo dheoir; Thuit òg do ghràidh, am fear treun; Chithear tannas an t-sàir ’sa bheinn. MILSHÙIL-CHAOMHA. Shuidh Caomh-mhal’ an sud na h-aonar, Dà chaol chù, a’s liathe colg, A’ glacadh an aiteil san aonach, ’S a’ crathadh an cluas gu tric. Tha gruaidh air a làimh a’s àillidh, Agus gaoth nan carn ’na ciabh, A gorm-shùil a’ sealladh gu farasd Gu raon, ’san robh gealladh a triath. C’ àite bheil Fionnghal, mo rùn, ’S an oiche dubhra’ dlù mu ’n cuairt? [TD 73] [Laideann] [TD 74] CAOMH-MHALA. A Charuinn, a Charuinn nan sruth, C’ uim’ a chitheam am fuil do bhùrn? Cha chluinneam fuaim còmhraig no guth Ag iadhadh do thuil as do chùirn. Na chaidil righ Mhòrbheinn an treun? Eirich, a nighean na h-oiche; Amhairc anuas o neoil nan speur: Eirich grad, gu ’m faiceam an soillse Caol dhearsa o mhàile ’s o chruaidh Air raon ’san robh a ghealladh o’ n ruaig. No thusa, dhealain uaine bhàis, Bu sholus do’ r sinns’re nach beò Fo dhuibhre ’s scleò na h-oiche, Thigs’ ann do chaoir o ’n Ardbheinn, ’S feuch dhomh mo threun an soillse ’Na luidhe, ’s mi deurach, sa’ bhlàr. Co sheasas eadar mi ’s bròn? Co eadar mi ’s rùn mo nàmhaid? ’S fada sheallas Caomh-mhala fo dheòir, Mu ’m faicear leth’ a mòr thriath A’ tilleadh am measg a shluaigh Soillear mar mhaduinn o nial, As am braon a’ triall o stuaidh. HIDEALAN. Luidheadh ceò is gruaim air Cròna; Luidheadh iad air siubhal an righ; [TD 75] [Laideann] [TD 76] Ceilibh anis o m’ shùil a cheuma Gun chuimhn’ air treun-fhear a chaoidh. Tha triath’ nan sgiath gun cheann air rèidh. Cha chluinnear an ceuma mu chruaidh. A Charuinn, a Charuinn nan sruth, Iadhsa ann am fuil do bhùrn; Tha ceannard an t-sluaigh fo scleò. CAOMH-MHALA. Co thuit aig Carunn nam bruach, A mhic duibhre na fuar oiche? An robh e geal mar shneachd nan cruach? Mar bhogha braoin air stuadh a’ soillse’? An robh a chiabh mar an ceò ’sa bheinn Ag iadhadh caoin fo ghréin air tòrr? An robh e mar thorrunn nan speur? Cho luath ri féidh nam fàs ghleann mòr? HIDEALAN. C’ ar son nach fhaiceam a rùn féin ’S i ’g aomadh o ’n bheinn le h-àille, A dearg-shùil fo dheoir mu ’n treun, A ciabh gun bheud mu gruaidh fharasd? Eirich, éirich, a chaoin ghaoth, Togsa gu caomh a leadan trom; Faiceam a làmh gheal a’s caoine, ’S a gruaidh, a tha gaolach am bròn. [TD 77] [Laideann] [TD 78] CAOMH-MHALA. Na thuit mac Chumhail féin ’san t-sliabh? Na thuit, a thriath, a’s duibhe sgeul? A thorrunn a’ siubhal nan aonach ciar, A dhealan air sgiath theine nan speur, Cha ’n eagal do Chaomh-mhal’ ur triall, O na thuit an triath fo scleò. Innis, fhir a’s dubhaiche sgeul, Am bheil gaisgeach nan sgéith gun deò? HIDEALAN. Tha shluagh nise sgaoilt’ air a bheinn; Cha chluinn iad guth an tréin ni ’s mò! CAOMH-MHALA. Bruaillean air an raon a’ d’ dhéigh, Cunnart dhuit féin, a righ mhòir; Do ’n uaigh na biodh lionor do cheum, Biodh aon òigh a’ d’ dhéigh fo bhròn; Biodh i mar Chaomh-mhala fo cheò, Làn do dheòir an laithibh a h-òige. C’ ar son a dh’ innis thu dhomh féin, Gu ’n thuit mo ghaisgeach treun sa’ bhlàr? Bhiodh mo dhùil r’a thilleadh o ’n bheinn; Chithinn e féin air craig no còmhnard; Shaoilinn gu ’m b’ i chraobh mo laoch, A’ tighinn le faoibh o ’n bhlàr; Chluinninn a stoc anns a ghaoith, [TD 79] [Laideann] [TD 80] Bhiodh siubhal baoth air taobh nam beann. Tha mise deurach gun bhi thall Air bruaich Charuinn nan sruth mall; An sin bhiodh mo dheòir gu tlà Air gruaidh an t-sàir a tha gun tuar. HIDEALAN. Air bruaich cha ’n ’eil an laoch: Air ard an fhraoich ’nis togar uaigh. Seall, a ghealach, o neul caoin; Biodh do sholus caol air cruaich, Gu ’m faic an Làmh-gheal a gaol Am boillsge faoin a mhàile chruaidh. CAOMH-MHALA. Na cuiribhse, a shìol na h-uaigh; Na cuiribhse mo luaidh air chùl. Dh’ fhàg e mi san t-seilg air cruaich; Gun fhios chaidh e suas gun chliù. “Tilleam ri oich,” thuirt an triath; ’S thill righ Mhòrbheinn fior ri oich’. C’ ar son nach d’innis thu, fhir leith, Tha ’n cromadh nan sliabh gun soills’, Gu ’n tuiteadh ceannard nan sgiath marbh? Chunnaic thu ’na fhuil an t-òg-fhear; ’S cha d’ innis thu ’m bròn do Chaomh-mhala. [TD 81] [Laideann] [TD 82] MILSHÙIL-CHAOMHA. Ciod an fhuaim tha shuas ’sa bheinn? Ciod a tha boillsgeadh sa’ ghleann? Co tha tighin mar shruth treun, Nuair chritheas fo ’n ré nach gann Mòr-uisge taomadh o charn? CAOMH-MHALA. Co ach an nàmhaid aig Caomh-mhal’; Mac righ an domhain ’s a shluagh. A thannais Fhionn air neòil a’ sgaoileadh, Greas iuthaidh Caomh-mhal’ sìos gu luath; Tuiteadh e mar fhiadh ’san aonach.— ’S e Fionn a th’ ann, measg tannas a shluaigh! C’ uime thigeadh tu, mo luaidh, A chur sòlais is fuath orm féin? FIONNGHAL. Togaibhse, a bheòil nan dàn; Togaibh gu h-ard am blàr aig Carunn: Theich Caracul, ’s a shluagh o ’m lann; Theich e thall thar raoin an ardain. A ghaisgich mar dhealain air sliabh, Tha sgeudachadh tannais na h-oidhche, ’S e ’g aomadh ro’ ghaoith o’n iar, ’S a choille chiar mu ’n cuairt a’ boillsge’. Chualam guth nan aiteal thall O thaobh nan carn ’s am fiar-ghlinn féin. [TD 83] [Laideann] [TD 84] Ban-shealgair Ardbheinn, an i th’ann, Nighean làmh-gheal Shàrno thréin? Amhairc o d’ charraig, mo rùn; Cluinneam do ghuth ciuin, a Chaomh-mhal’. CAOMH-MHALA. Tog mise gu còs do shuaine, Og ghaisgich, a fhuair mo ghràdh. FIONNGHAL. Thigsa féin gu còs mo shuaine; Sgaoil na stoirm, tha grian air an raon. Thigsa, òigh, gu còs mo shuaine, Bhan-shealgair nam fuar-bheann faoin. CAOMH-MHALA. Thill e féin, is thill a chliu! ’S e làmh mo rùin ’s mo thrèin a th’ ann! Luidheamsa sìos air a chùl, Gus an till m’ anam anall O eagal tha snàmh mu ’n cuairt. Buailibh clàrsach, togaibh dàn, Oighe nan rosg mall aig Morni. DEARSA-GRÉINE. Le Caomh-mhala thuit tri feidh ’san fhraoch; Fo ghaoith tha teine ’g éirigh ard. Gabh gu fleagh na h-òigh a’s caoine, A righ Mhòrbheinn nach maol carn. [TD 85] [Laideann] [TD 86] FIONNGHAL. Togaibh guth, a shìol nam fonn, Mu chomhstri nan sonn air Carunn; Biodh aoibhneas air làmh-gheal nan tom, Nuair a chi mis’ a fleagh air Ardbheinn. NA BÀIRD. Taom, a Charuinn, taom do shruth; An aoibneas an diugh, siubhail sìos; Theich coigrich, a b’ àirde guth. Cha ’n fhaicear an steud-each ’san t-sliabh; Tha sgaoileadh an sgiath an tìr thall. Eiridh grian an sìth o nial, As tearnaidh an oich’ ’an aoibhneas; Cluinnear guth na seilg air carn; Ri balla thall bithidh sgiath nam fuaim; Bithidh ar comhstri ri dàimh thig anall O thalamh nan Gall o thuath, ’S ar làmha gu dearg am fuil Lochlin. Taom, a Charuinn, taom do shruth; An aoibhneas an diugh, siubhail sìos; Theich coigrich, a b’ àirde guth. MILSHÙIL-CHAOMHA. Teirinn, a cheò, o ’n tìr ard, A ghatha gealaich, togaibh suas Ciuin anam na h-òigh, a b’ àillidh, Tha ri carraig na luidhe gun tuar! Caomh-mhala, ’s i fuar gun deò. [TD 87] [Laideann] [TD 88] FIONNGHAL. Am bheil nighean Sharno gun deò, Làmh-gheal dha ’m bu mhòr mo rùn? Tachair rium, a Chaomh-mhal’, fo scleò Air fraoch, fo cheò, ’s mi air chùl, Nuair shuidheam air sruth nam beann ’S mi m’ aonar an àm na h-oiche. HIDEALAN. An d’fhalbh guth na seilg o Ardbheinn? C’ uime chuir mi ’m bruaillean air òigh? C’ uine chi mi fo aoibhneas an làmh-gheal, Am faoghaid fàsaich, mu ’n iadh slòigh? FIONNGHAL. Oig, a’s duibhe gnè as tuar, Cha ’n fhaic o so suas am fleagh; Cha chuir leam an t-sleagh fo ruaig; Cha togar leat buaidh air magh. As m’ fhianuis, òig a’s duirche snuadh. Feuchar dhomh ’na suain an òigh; Faiceam ise b’àillidh tuar. ’S glas mo luaidh air taobh nan scòrr! Tha gaoth na h-oiche fuar ’na ciabh; Tha taifeid ’san osaig a’ fuaim; Bhris a saighead ri tuiteam air sliabh. Tog moladh na h-ainnir gun ghruaim, [TD 89] [Laideann] [TD 90] Nighinn Sharno nan stuadh àrd; Togar a h-ainm air gaoith nan speur. NA BAIRD. Faic dealain a’ lasadh mu ’n òigh! Gatha na gealaich a’ togail suas Caoin anama ainnir nan slòigh, O na neòil tha dlù mu ’n cuairt! Chithear tannais nan sonn a dh’fhalbh; An sin tha Sàirn na mala donn, As dearg-shùil Fhidealain an laoch. C’ uine dh’ éireas an làmh-gheal o’ n tom? C’ uine chluinnear a guth ’san fhraoch? Thig òighe da h-iarraidh ’san t-sliabh: Cha ’n fhaigh iad ciabh, a’s àllidh snuadh. Chithear thu ’n aisling gu d’ thrian, Chur sìth air an anam fo ghruaim. Bithidh do ghuth ’nan cluais gu mall; Bithidh an smaointean aoibhneach ’san t-shuain, Dh’ aisigeas an luaidh gu ’m beachd. Faich dealain a’ lasadh mu ’n òigh; Gatha na gealaich a’ togail suas Caoin anama ainnir nan slòigh! [TD 91] [Laideann] [TD 92] [Blank] [TD 93] CARRICTHURA. [TD 94] [Blank] [TD 95] [Laideann] [TD 96] CARRAIG-THURA. v. 1-20. AN d’ fhàg thu gorm-astar nan speur, A mhic gun bheud, a ’s òr-bhui ciabh? Tha dorsa na h-oiche dhuit féin, Agus pàilliun do chlos ’san iar. Thig na stuaidh mu ’n cuairt gu mall, A choimhead fir a’s glaine gruaidh; A’ togail fo eagal an ceann: Ri d’ fhaicinn cho àillidh ’na d’ shuain, Theich iadsa gun tuar o d’ thaobh. Gabhsa cadal ann do chòs, A ghrian! is till o d’ chlos le h-aoibhneas. Togar mìle solus suas, Ri fuaim tha sèimh o chlàrsaich ghrìnn; Duìsg sòlas an talla nan stuadh; Thill righ nam buadh le ’shluagh gu ’thìr. Tha còmhstri Charuinn fada uainn, Mar fhuaim nach cluinnear ni ’s mò: Togadh bàird a’ chiuil an duain; Thill gaisgeach nam buadh le chliu. Mar sin bha focail Ullin chaoin, [TD 97] [Laideann] [TD 98] Nuair thill an righ o raon nan triath, Le ’leadan throm, a b’ àillidh ciabh. Bha mhàile ghorm mu cheann an t-sonn, Mar nial nach trom air aghaidh gréin, Nuair ghluaiseas e ’na éideadh donn, A’ feuchainn leth a shoills’ san speur. Bha ghaisgich threun an déigh an righ; Bha fleagh na slige fial an àird. Thionndaidh Fionn ri luchd bu bhinn, As dh’ iarr am fonn o shonn nam bàrd. “A ghutha Chòna, ’s àirde fuaim, A bhàrda, tha luaidh mu h-aois, Dha ’n éirich, air ar n-anam suas, Feachda mòr nan gorm-chruaidh laoch. ’S taitneach leam aoibhneas a bhròin, Mar dhrùchd mòthar earraich chaoin, Fo ’n lùb geug dharaig nan tòrr, ’S an duilleach òg ag éirigh maoth. Togaibhse, mo bhàird, am fonn; Am màireach bithidh long fo sheòl; Bithidh m’ astar an gorm-ghleann nan tonn, Gu carraig nan sonn ’s nan seòd; Baile uaine Sharno fhial, A Chaomh-mhala nan ciabh do chònuidh, Far an sgaoileadh Cathul, an triath, A chuirm air an t-sliabh le mòr-chuis; ’S lìonor ’na choille tuirc chiar: Cluinnidh doire nan sìan an t-sealg.” [TD 99] [Laideann] [TD 100] “A Chronain, a mhic nan caoin fhonn, A Mhìnfhonn nach trom air clàrsaich, Togaibh sgeul air Silric donn, Do righ nam mòr-thom ’s nam fàsach. Thigeadh a Bhinnbheul, a’s àillidh, Mar bhogha braoin, anall sa’ ghleann, Nuair dh’fheuchas e cheann san àirde, ’S a ghrian a’ dol air chùl nam beann. Sud an òigh, a righ nan lann, Le guth fann, is i fo bhròn.” BINNBHEUL. Tha mo rùn do shinns’re nan sliabh; ’S e sàr shealgair nan ciar ard; Tha ’mhìol-choin a’ plosgadh r’a thaobh, A thaifeid chaol sa’ ghaoith a’ fuaim. Na shuidh thu aig fuaran nan carn, No aig mòr-shruth ard an aonaich? Tha ’n luachair ag aomadh fo osaig, An ceathach a’ mosgladh san t-sliabh. Tairneam air mo rùn fo scleò, Is chitheam an seòd o ’n chruaich. Nuair chunnam na h-òig-fhir shuas Aig daraig Bhrano, ’s fuaimear sruth, Thill thu ’n sin gu mòr o ’n bheinn; ’S mòr a b’àille thu féin na d’ shluagh! [TD 101] [Laideann] [TD 102] SILRIC. C’ e ’n guth so tha caoin am chluais, An guth caoin mar fhuaim an t-sàmhraidh? Cha suidh mi aig luachair nan cruach, No aig tobar fuar nan carn. Fada, Bhinnbhéil, fada thall, Tha m’ astar gu blàr le Fionnghal. Cha ’n ’eil mo choin féin ri m’ thaobh, No mo cheum air fraoch nan gleann. Cha ’n fhaic mi o ard nan sliabh Sàr ainnir nan ciabh air an raon, Aig aomadh nan sruth leatha féin, Mar bhogha lùbadh san speur, No gealach air tuinn san iar. BINNBHEUL. Dh’fhalbh thu, Shilric, dh’fhalbh thu féin, ’S tha mise sa’ bheinn am aonar! Chithear am fiadh air a chruaich Gun duine g’a ruaig o ’n fheur; Cha ’n ’eil ’eagal ni ’s mò anns a’ ghaoith, ’S cha ’n ’eil fuaim nan craobh r’a chluais. O’ n doire tha sealgair nach faoin; Tha esan ’an raon nan uaigh. A choigrich, a shìol nan tonn, Caomhnaibhs’ an sonn sa’ bhlàr! [TD 103] [Laideann] [TD 104] SILRIC. Ma thuiteas mi sa’ mhagh, a Bhinnbhéil, Togsa dìleas gu h-ard m’ uaigh, Clacha glas, as meall do ’n ùir, ’N an comhara do d’ rùn, a Bhinnbhéil. Nuair shuidheas an sealgair ri m’ thaobh, As cuirm, ’s e faoin, ’na làimh, “Tha gaisgeach,” their e, “san fhraoch, “Fear cliu, nach robh baoth sa’ bhlàr.” Cuimhnich, a Bhinnbhéil, do laoch, Agus e ’n tigh caol a bhàis! BINNBHEUL. ’S ceart gu ’n cuimhnichear thu féin: Tuitidh Silric, mo threun, sa’ bhlàr. C’ àit am faighear mi, rùin, sa’ bheinn, ’S nach till thu o bheum a bhàis? Bithidh m’ astar an gleanna nan cruach, Nuair dh’ìslicheas shuas a’ ghrian; Bithidh mo cheum o ais’re an t-sluaigh Gu dìomhair ’s gun tuar ’san t-sliabh; Chithear leam àite do shuain An àm tionndaidh o ruaig na seilg. ’S ceart gu ’n tuit Silric sa’ bhlàr; Ach cuimhnichear an sàr leam féin. “’S cuimhne leamsa féin an triath,” Thuirt righ nan coill’ ard ’s nan sliabh: “Chaitheadh leis còmhrag ’na fheirg; [TD 105] [Laideann] [TD 106] Cha ’n ’eil e ’san t-seilg fo m’ shùil. Chunnacas e aon uair sa’ bhlàr; Bha gruaidh an tréin fo smal gun tuar, A mhala dorch’, as spairn a chléibh Gu luath, ’s a cheum gu h-aird nan cruach. Cha ’n fhaicear e am measg nan triath, Nuair dh’éireas air an sgiath am fuaim. Na luidh e ’n tigh caol tha ciar, Sàr cheannard sliabh a’s duibhe gruaim?” “A Chronain,” thuirt Ullin aosda, “Togsa dàn nach faoin air Silric, Nuair thill e le buaidh o ’n raon, An déigh Binnbheul, a ghaol, bhi ìosal. Dh’ aom e ri cloich ghlais a ruin; Bha Binnbheul ’na smaointean beò. Chunnaic e ’n ainnir gu ’cùl, Sa’ ghleannan chiuin, ’s b’ àluinn a scleò; Ach shiubhail, mar cheò, an sàmhla. Dh’fhalbh dearsa na gréine o ’n raon, Cha ’n fhaicear a cruth faoin ni ’s mò.” “Tha mi ’m shuidh aig fuaran fuar Air mullach na cruaiche fo ghaoith, Aona chraobh ’san osaig a’ fuaim, Tuinn dhorch nan’ ruaig ’san fhraoch. Tha bruaillean air an linne thall, Féidh a’ tighinn o charn gu raon. Cha ’n fhaicear ceum sealgair, ’s e mall; Tha sàmhchair sa’ ghleann, ’s e faoin. [TD 107] [Laideann] [TD 108] ’S trom an osna, ’s truime smaoin, Na ’m faicinn mo ghaol san t-sliabh Air seachran an astar an fhraoich; A’ snàmh air a’ ghaoith a ciabh; A broilleach bàn ag éirigh ard, A sùil ghorm mu ’cairde làn, A cheileadh le ceò nan carn: Ghabhainn thu, a rùn, am chòir, ’S bheirinn thu gu còmhnuidh d’ athar. An i féin a chi mi fada thall, Mar dhearsa air carn an fhraoich? Mar ghealach an fhoghair ’s i làn, Mar ghréin an stoirm an t-sàmhraidh, caoin? An d’ thig thu, òigh a’s àillidh ciabh, Thar carraig as sliabh am dhàil? ’S fann do ghuth, ainnir nan triath, Mar chuiseig ’s a ghaoth m’ a ceann.” “Na thill mo ghaisgeach o ’n bhlàr? C’ àit’ an d’fhàg do chaird’, a rùin? Chualam mu d’ bhàs air a charn; Chuala, ’s bha m’ anam fo mhùig.” “Thill mi, ainnir nan rosg mall; Thill mise do thréith a’ m’ aon; Cha ’n fhaicear o so iad ’san t-sliabh; Thogadh leam an uaigh sa’ bhlàr. C’ ar son tha thu d’ aonar shuas Air iomall nan cruach leat féin?” “Am aonar tha mis’, a Shilric; [TD 109] [Laideann] [TD 110] Am aonar ìosal an tigh geamhruidh; Le bròn thuit mi mu mo luaidh Gun tuar anns an uaigh, a Shilric!” Dh’fhalbh i mar fhaileus fo ghaoith, Mar cheò air an fhraoch an gruaim. “Nach fan thu, Bhinnbheil, ’s tu faoin? Fan, is faic mo dheòir, ’s mi truagh. Is àluinn do chruth an ceò, B’ àluinn thu ri d’ bheò, a Bhinnbhéil. Suidhidh mi aig fuaran fuar Air mullach na cruaiche an gaoith; Am meadhon là, is e gun fhuaim, Labhairsa, mo luaidh, san fhraoch. Thigsa, Bhinnbheil, air an osaig, Air aiteal an dosan nan carn; Cluinneam do ghuth, is tu ’m fhochair, Air meadhon là an sàmhchair thall.” Measg aoibhneis an talla nam fear, Mar so thog Cronan am fonn; Dh’ éirich maduinn a’ soills’ o ’n ear; Bu ghorm air an lear an tonn. Ghairm an righ a shiuil gu crann; Thàinig gaoth a nall o ’n chruaich; Dh’ éirich Innis-thorc gu mall, Is Carraig-Thùra iul nan stuadh. Bha comhara beùd gu h-ard, Teine dall ’s a thaobh ’san smùid! Bhuail an righ a chliabh air ball; [TD 111] [Laideann] [TD 112] Gun dàil bha ’gharbh shleagh o chùl; Chunnaic e gun chlith a ghaoth; Bha ’leadan air a chùl a’ strì; Cha robh sàmhchair an righ faoin. Thuit oich’ air Rotha nan stuadh; Ghabh cala nan cruach an long; Bha carraig mu iomall a chuain; Dh’ aom coille thar fuaim nan tonn. Air mullach bha crom Chruth-Loduinn, Is clacha mòr nan iomadh buadh; Air iosal bha raon gun mhòrchùis, Agus feur is craobh ri cuan; Craobh a bhuain a ghaoth, ’s i ard, O iomall nan carn gu raon; Bha gorm-shiubhal nan srutha thall, Is osag mhall o chuan bha faoin. Dh’ éirich gath o dharaig liath; Bha fleagh nan triath air an fhraoch; Bha bròn air anam righ nan sgiath Mu cheannard charraig chiar nan laoch. Dh’ éirich ré gu mall is fann; Thuit suain nach gann mu cheann nan triath; Bha ’n clogaide a’ boillsgeadh thall; Bha ’n teine call a neart san t-sliabh. Cha robh cadal mu shùil an righ; Dh’ éirich e am farum a chruaidh, A shealladh air carraig nan stuadh. Dh’ ìslich teine fada thall, [TD 113] [Laideann] [TD 114] A ghealach dearg is mall san ear. Thàinig osna nuas o ’n charn; Air a sgiathaibh bha sàmhla fear, Cruth-Loduinn ’san lear gun tuar. Thàinig e gu chòmhnuidh féin, A dhubh-shleagh gun fheum ’na làimh, A dhearg-shùil mar theine nan speur, Mar thorrunn an t-sléibh a ghuth An dùbhra dubh fada thall. Thog Fionnghal san oich’ a shleagh; Chualas anns a’ mhagh a ghairm. “A mhic na h-oiche, o mo thaobh; Gabh a ghaoth, agus bi falbh. C’ uim’ thigeadh tu m’ fhianuis, fhir fhaoin; Do shàmhla cho baoth ri d’ àirm? An eagal dhomhsa do chruth donn, Fhuathais nan crom th’ aig Loduinn? ’S lag do sgiath ’s do nial nach trom, Do chlaidheamh lom mar thein air mòr-thonn. Cuiridh osag iads’ as a chéile, Agus sgaoilear thu féin gun dàil. As m’ fhianuis, a dhubh-mhic nan speur; Gairm d’ osag dhuit féin, ’s bi falbh!” “An cuireadh tu mi féin o m’ chrom?” Thuirt an guth trom a’s fàsa fuaim. “Dhomhsa dh’ aomas feachd nan sonn; Seallam o m’ thom air an t-sluagh, Is tuitidh iad mar luath am fhianuis; [TD 115] [Laideann] [TD 116] O ’m anail thig osag a bhàis. Thig mi mach gu h-ard air gaoith; Tha na stoirm a’ taomadh shuas Mu ’m mhala fhuair fo ghruaim gun tuar. ’S ciuin mo chòmhnuidh anns na neoil, Is taitneach raoin mhòr mo shuain.” “Gabhsa còmhnuidh na do raoin,” Thuirt righ nach b’ fhaoin, ’s a làmh air beirt: “Na cuimhnich mac Chumhail air raon; ’S lag do thannais—’s mòr mo neart. Na ghluais mi mo cheum o ’n bheinn Gu d’ thalla féin, air raon a’s ciuin? Na thachair mo shleagh, am bheil feum, An truscan nan speur ri guth Fuathais dhuibh aig crom Chruth-Loduinn? C’ uim’ thog thu do mhala le gruaim? C’ uim’ chrathadh tu shuas do shleagh? ’S beag m’ eagal ri d’ chòmhra, fhir fhaoin. Cha do theich mi o shluagh sa’ mhagh; C’ uim’ theicheadh o shìol nan gaoth Sàr ghaisgeach nach faoin, righ Mhòrbheinn? Cha teich! Tha fhios, gun bhi dall, Air laigse do làimhe an cath.” “Teich gu d’ thìr,” fhreagair an Cruth; “Teich air a ghaoith dhuibh; bi falbh! Tha ’n osag an crodhan mo làimhe; ’S leam astar as spairn nan stoirm; ’S e righ na Soruch’ mo mhac féin; [TD 117] [Laideann] [TD 118] Tha ’aomadh sa’ bheinn dha m’ thuar; Tha a charraid aig carraig nan ceud, Is coisnidh gun bheud a’ bhuaidh. Teich gu d’ thìr féin, a mhic Chumhail, No fairich gu dubhach m’ fhearg.” Thog e gu h-ard a shleagh dhorch’; Dh’ aom e gu borb a cheann ard; Ghabh Fionnghal ’na aghaidh le colg, A chlaidheamh glan gorm ’na làimh, Mac an Luinn, bu chiar-dhubh gruaidh. Ghluais solus na cruaidhe ro’ ’n taibhs’, Fuathas dona bhàis fo ghruaim. Thuit esa gun chruth,’s e thall, Air gaoith nan dubh charn; mar smùid Bhriseas òg, ’s bioran ’na làimh, Mu theallach na spairn ’s na mùig. Scread fuathas Chruth Loduinn sa’ bheinn, ’G a thional ann féin sa’ ghaoith. Chual’ Innis nan torc an fhuaim; Chaisg astar nan stuadh le fiamh; Dh’ éirich gaisgich mhic Chumhail nam buadh; Bha sleagh ’s gach làimh shuas san t-sliabh. “C’ àite bheil e?” ’S am fearg fo ghruaim, Gach màile ri fuaim m’ a thriath. Thàinig ré a mach san ear; Thill ceannard nam fear ’na airm; Bha aoibhneas air òigridh san lear; Shìolaidh an anam mar mhuir o stoirm. [TD 119] [Laideann] [TD 120] Thog Ullin gu subhach an dàn; Chual’ innis nan carn an ceòl; Bha lasair o ’n daraig làn; Chualas sgeul air clann nan seòd. Shuidh Frothal na Sorucha fo fheirg, Aig craoibh, a bh’ air leirg nam frìth; A mhòr-fheachd mu charraig an deirg, ’S a shealladh m’ an cuairt gun chlith; A bhorb-inntinn air Cathul ’s air ’fhuil, Thug dheth cìs air chur nan laoch. Do Annir air Soruch ’na thriath, Athair Fhrothail nan ciar stuadh; Air muir dh’ éirich gailleann nan sìan. Bhuail Frothal ard innis a chuain. Tri làithe bha cuirm nach gann An talla Sharn’ nan lann gun mhùig; Chunnacas leis geug nan rosg mall, Sàr Chao’mhal, a b’ àillidh cùl. Bha ’ghaol di mar ghaol na h-òige; Mar theine dha ’còir a bha ’thriall. Eadar Frothal is làmh-gheal nan seòd Dh’ éirich Cathul, ’s bu mhòr an triath: Las comhstri am meadhon an t-sluaigh; Chuireadh Frothal, bu chòrr, fo iall. Tri làithe bha esa ’na aon, An ceangal neo-mhaoth, fo nial; An ceathramh, chuir Sarno nan long Ard cheannard nan sonn gu ’thìr. [TD 121] [Laideann] [TD 122] Dhorchaich eud anam an laoich; Ri Cathul las fraoch na feirg. ’Nuair dh’ éirich clach Annir le cliu, Thàinig Frothal fo mhùig ’na neart; Bha ’n còmhrag mu charraig na smùid, Balla Sharno dha ’n lùb am feachd. Dh’ éirich maduinn air innis nan stuadh; Bhuail Frothal le cruaidh a sgiath; Ghluais gaisgich fo bhriseadh na fuaim; Bha ’n sealladh gu luath air triall Gu muir liath nan iomadh stuadh; Chunnaic iad Fionnghal ’na neart; Thuirt Tubar nam feachd an triath. “Co sud mar ruadhaig an fhirich, Le ’uile ghreigh bhiorach ’na dhéigh? A Fhrothail, ’s e nàmhaid gun ghioraig, A shleagh roimhe air iomall an t-sléibh. ’S e an gaisgeach, righ Mhòrbheinn, a th’ ann, Mac Chumhail nan lann ’s nam fear. An Lochlin tha ’ghnìomha nach gann; An talla ard a chuain o ’n ear Thaom e fuil mhear nan laoch. An iarr mi sìth o cheann nan treun? Tha ’chlaidheamh mar dhealan nan speur.” “A mhic gun mheas, a’s laige làmh,” Thuirt Frothal nan lann, le feirg, “An gluais m’ òige fo nial nach gann? An géill mi roi’ m’ àm san léirg? [TD 123] [Laideann] [TD 124] An géill mi mun d’ fhuaireadh leam cìs, Fhaoin cheannaird gun bhrigh o Thòra? C’ uim’ a theireadh ’an Soruch’ an sluagh, Ghluais Frothal mar thuar nan speur; Thuit smal air a theine gu luath; Cha chluinnear air duan ’na dhéigh? A Thubair, cha ghéill mi, ri ’m bheò; Bithidh cliu mar sholus mòr mu ’m chuairt; Cha ghéill gu ’m thuiteam fo scleò, A thriath Thòra nan sruth fuar.” Ghluais an triath le neart a shluaigh; Ach thachair iad shuas ri carraig; Gu daingeann sheas Fionnghal nam buadh; Theich iadsa brist’ o chruaidh an laoich; Cha do theich iad gun bheud o ’làimh, ’S a shleagh ’na deann anns an ruaig. Bha ’n raon fo thuiteam nan triath; Ghabh cruach nan sìan na mhair. Chunnaic Frothal sàmhach an ruaig; Dh’ at anam fo bhuaireadh feirg; Dh’ aom e ’shùil reachdor an gruaim; Ghairm thuige Tubar nach mairg. “Thubair, theich mo shluagh san strì; Tha mise gun chli, ’s gun chliu; Buaileam sa’ charraid an righ; Las m’ anam le brigh gun mhùig. Cuirsa bàrd g’ a ghairm gu còmhraig: Na labhair an aghaidh mo mhiann. [TD 125] [Laideann] [TD 126] A Thubair, air ainnir gun mhòr-chùis, Geug òg, tha m’ anam gun ghìomh; Tha ’còmhnuidh aig Taine nan sruth, Nighean, ’s gile cruth, aig Herminn, Utha àluin nan rosg mall. Bha h-eagal mu Chao’mhal, tha fuar; A h-osna gu dìomhair as truagh, Nuair a thog mi suas mo shiuil. Aithris do Utha na cruit ghrìnn, Gu ’n robh m’ anam do ’n mhìn-gheal làn.” Mar sin bha focail an tréith, ’S e càramh a sgéithe r’a thaobh. Bha osna chaoin-Utha san t-sliabh; Lean ise o chian an laoch, Fo mhàile ’s fo àrmaibh òig-fhir, Bha sùil gu diòmhair air an t-sonn, ’S i coimhead gu trom o ’cruaidh. Chunnaic ise am bàrd a’ triall; Thuit san t-sliabh a sleagh o ’làimh; Bha ’leadan air gaoith nan sìan; Air osna dh’ éirich a h-uchd bàn; A’ sealladh suas air righ nan long; Thòisich is thosd i tri chuairt. Chuala Fionnghal guth a bhàird; Ghrad-thàinig e nall ’na chruaidh; Bha ’shleagh, an cunnart nach mall, Is dealan a lann mu ’n cuairt. O Fhionnghal thuit beum neo-fhaoin; [TD 127] [Laideann] [TD 128] Chaill Frothal an laoch, a sgiath: Nuair nochdadh gun mhàil’ a thaobh, Dh’ aom bàs thar smaointean an triath. Chuartaich dorchadas air ball Anam Utha nan rosg mall; Shil na deòir air a gruaidh chaoin; Ghrad-ghluais i do ’n laoch le ’sgiath. Ghabh darag a ceum ’s i triall; Thuit i sìos air a ruigh bhàn. Leum a clogad air an t-sliabh; A broilleach geal ag éirigh thall; A ciabh nach gann air làr ’s i truagh! Ghluais tiomachd air anam an righ, Mu òigh mhìn bu ghile làmh; Chaisg e ’chlaidheamh anns an strì; Thuit deòir neo-chli o righ nan lann. “A thriath na Sòrucha ’s fuaimear sruth,” ’S e togail a ghuth le spairn, “Cha ’n eagal duit mo chruaidh an diugh; Cha robh riamh fuil air mo lann, Nuair ghéilleadh an dàimh sa’ chòmhrag; Biodh aoibhneas air anam do shlòigh, Aig sruthaibh mòr do thalmhain féin; Biodh aoibhneas ortsa, ainnir chòrr; C’ uim’ thuiteadh an t-og sa’ bheinn, A righ na Sòrucha nan tuil làn?” Chuala Frothal guth an laoich; Chunnaic òigh bu chaoin ag éirigh. [TD 129] [Laideann] [TD 130] Sheas iad nan sgèimh san fhraoch, An sàmhchair, nach b’ fhaoin, le chéile, Mar dhà chraoibh òg araon fo bhlàth, An iomall fàsaich tlàth, ’s iad gorm, Drùchd earraich a’ sileadh o ’m barr, ’S a’ ghaoth ’na luidhe thall san ord. “Nighean Hermain o thìr nan stuadh,” Thuirt Frothal nam buadh gun dàil, “C’ uim’ thàinig ’na d’ àille thar cuan, Gu m’ fhaicinn gun chruaidh fa ’n làr? Ach tha mi gun chruaidh aig treun, Oigh gun bheud nan réidh rosg mall; Cha laigse a bhuadhaich, a gheug, Thar mac Annir, bu treun làmh. ’S garbh ’s is mòr thu féin, a righ, An carraid ’s an strì nan sleagh; Ach ’s caoin thu, ghaisgich, an sìth, Mar a’ ghrian air drùchd mìn sa’ mhagh; Togaidh dithein ùr a cheann; Crathaidh osag mhall a sgiath. O b’fhearr gu ’m biodh tusa féin An Sòrucha nan teud ’s nam fleagh, Gu faiceadh treith Shòruch’ am dhéigh D’ àirm ’nuair bhiodh aoibhneas sa’ mhagh; Bhiodh aoibhneas mu chliu an sinns’re, A chunnaic san strì righ Mhòrbheinn!” “Mhic Annir,” fhreagair an righ, “Cluinnidh aimsir sìos ar cliu; [TD 131] [Laideann] [TD 132] ’Nuair sheasas na gaisgich san strì, Eiridh neart nan dàn gun mhùig; Mu shìneas iad air laigs’ an cruaidh, Is fuil nan truagh m’ an cuairt do ’n lainn, Cha togar le bàird an duan, Cha ’n fhaicear an uaigh no ’n carn. Thig coigrich a thogail tùir, Is cuiridh iad an ùir thar làimh; Chithear claidheamh meirg san smùir, Fear ag aomadh o chùl ag ràdh, ‘Bhuin na h-airm do sheoid, tha fuar; Cha chualas an luaidh ’sna dàin.’ Thigsa, Fhrothail, thar an t-sliabh, Gu fleagh nan triath an innis nan stuadh; Thigsa, ainnir an fhuilt chiar, Ghaoil gaisgich nan sgiath o thuath; Thigibhse gu cuirm nan laoch, ’S bithidh aoibhneas a’ glanadh ar gnùis.” A shleagh ’na làimh, ’s a cheum treun, Ghabh Fionnghal dha féin an sliabh. Dh’ fhosgail dorsa Charraig nan ceud; Fhuaradh cuirm nan slige fial; Dh’ éirich suas fuaim mhaoth nam fonn; Bha sòlas an talla nan sonn. Chualas guth Ullin nan duan, Is cruit Shelma, mu ’n cromadh an cuan. Bha Utha fo aoibhneas ’na chòir; Dh’ iarr i duan tuirseach a bhròin; [TD 133] [Laideann] [TD 134] Deoir ag iadhadh mu rosg mall, Nuair labhair Cridh-mòr nan caomh-dhàn, Nighean Rinmhail nan geur lann, Ghabh tunaidh aig sruth na Lòtha. Ge b’ fhada, bu chaoin an duan; ’S bha gheug ghasd o thuath fo aoibhneas. CRIDH-MÒR. Co thig cho sàmhach o ’n aonach, Mar nial o ’n iar, ’s a thaobh sa’ ghréin? Co dha ’m bheil an guth cho caoin, Cho labhara ri gaoith sa’ bheinn, ’S e taitneach mar chaol-chruit Charuill? ’S e mo sheòd, ’na shoills’, a th’ann, Sàr ghaisgeach nan lann fo bhròn. ’S dorcha tuar do mhala thall; Am bheil Fionnghal an triath gun deò? C’ uime tha do ghruaim ’s do bhròn, a Chonaill? CONALL. ’S beò an triath o iul na seilg; Thill laoch na feirg mar sholus còrr; Tha grian air sgiath nan cop gun mheirg, E féin ’san leirg mar sholus mòr. ’S labhara guth ’oigridh thall! Tha carraid nan lann a’ triall. Am màireach thig an Dearg a nall Chur còmhrag air clann nan triath, [TD 135] [Laideann] [TD 136] Clann an righ, a’s glaine cruaidh, Sìol stormail nan creuchd ’s nam buadh. CRIDH-MÒR. Chunnaic mi, Chonaill, a shiuil Leathan mar liath-mhùig nan tonn; Bu mhall gu tràigh a bha ’n iul; ’S lìonor laoch aig Dearg nan long. CONALL. Càirich sgiath d’ athar ri m’ thaobh, An sgiath chruaidh chopach bh’ aig Rinmhal; An sgiath mar ré làn nach faoin A’ siubhal ro’ speur fo iorguil, ’S i dubh agus ciar ’na tuar. CRIDH-MÒR. Càireamsa gu luath an sgiath, O nach do thearuinn triath nam buadh. Thuit e le Cormar san t-sliabh; ’S maith gu ’n tuit thu féin, a Chonaill. CONALL. ’S maith gu ’n tuit; ach togsa m’ uaigh, Chridh-mhòir nam buadh. Biodh liath-charn Is meall dhe ’n ùir air taobh nan stuadh, A chur m’ ainm ’s mo chliu ro’ àm. Aomsa do rosg dearg fo dheoir, [TD 137] [Laideann] [TD 138] O iomall nan tòrr thar m’ ùir; Buailsa d’ uchd àluinn am bròn, Is ann am dhéigh cum beò mo chliu. Ge h-àillidh thu na ’n solus féin, Mar aiteal an t-sléibh do ghuth ciuin, Cha ’n fhan mi ri d’ thaobh sa’ bheinn; Tog thusa am dhéigh mo chliu. CRIDH-MÒR. Cuirear airm sholuis am làimh, Lann gorm geur, agus sleagh chruaidh; Tach’ ream ris an Dearg gun dàil, Na m’ chobhair sa’ bhlàr dha ’m luaidh. Slàn leibh, a chruach nam beann ard, A dheirg nam barr is sruth nan carn, Cha till sinn air ais o ’n bhlàr; Eiridh ar n-uaigh fada thall! * * * * * * * * * * * * * * * Tri làithe mhair cuirm dha na laoich; An ceathramh sgaoil araon an siuil. O Thuath shéid neartor a’ ghaoth; Bhuail Fionnghal gu tìr gun mhùig, Coille Mhòrbheinn nan tùr ard. Shuidh air nial fuath dubh Chruth Loduinn, ’N déigh Fhrothal air àros nan stuadh, ’S e ’g aomadh air osaig nam mòr-thuinn, [TD 139] [Laideann] [TD 140] Siuil bhàn air aghaidh a’ chuain: Air a lot bha smaoin an tàibhs’, Agus ’eagal o làimh an righ. [TD 141] [Laideann] [TD 142] [Blank] [TD 143] CARTHON. [TD 144] [Blank] [TD 145] [Laideann] [TD 146] CARTHONN. v. 1-20. SGEUL ri aithris air àm o aois; Gnìomha làithe nam bliadhna dh’ aom. Do thoirnesa, a Lòra nan sruth, Thog cuimhne an diugh air na thréig, Fuaim coille Gharmallair nan craobh! Sèimh a guth do m’ chluasaibh féin. Am faic thu, Mhalmhìna nan seòd, Carraig mhòr, is a ceann am fraoch; Tri giubhais ag aomadh o ’n tòrr, Caoin ghlasra tha còrr r’ a taobh? An sin tha dithein thlà nan gleann, A’s glaine ceann, a’ crith fo ghaoith; An cluaran glas air chrom nan carn, Call gu mall a chalg le h-aois; Dà chloich gu an leth anns an ùir, An coineach fo smùr air an raon. Theich fiadh o iomall a’ chuirn Ann do chuireadh air chùl an laoch. Tha tannas caol, is faoin, is fuar, Mall ag aomadh mu uaigh an t-seoid: [TD 147] [Laideann] [TD 148] Na tréin, a Mhalmhìna nam buadh, Aig iomall nan stuadh fo ’n tòrr! Sgeul ri aithris air àm o aois; Gnìomha làìthe nam bliadhna dh’ aom. Co sud, tha o thìr nan dàimh, Le mìlte mu làimh fo chruaidh? Tha dearsa na gréine m’a cheann, A chiabh fo strì ri gaoith nan stuadh. Tha ghnùis a’ sìoladh sìos gu sìth, Cho ciuin, a righ, ri feasgar thall, Nuair thearnas gath o iar nam frìth, Air caol-ghleann Chòna nan sruth mall. Co th’ ann, ach mac Chumhail nan treun, Ard righ nam beum, nam beusa mòr; Faicinn a gharbh mhonadh féin; A mhìlte gun bheud bu chòrr. “Togar guth,” thuirt bàrd bha liath; “Dh’ aom nàimhde fo fhìamh air leirg, Clann na tìre fad o iar, Righ talla nan sgiath fo mheirg, A dhearg-shuìl a’ siubhal am mòr-chuis, E tarruing lann mhòr nan triath. Theich air raon nan cruadallach gnìomh, Chnn na tìre fad o ’n iar.” Mar so mhosgail guth nam bard, Nuair thàinig gu talla Shelma nan stuadh; Mìle solus a’ losgadh mu ’n aird, Dealadh dealan am meadhon an t-sluaigh; [TD 149] [Laideann] [TD 150] A chuirm an ard thalla nam buadh: Dh’ aom oiche gu luath le sòlas. “C’ àite bheil triath nan cleasa mòra?” Thuirt Fionnghal, a’s aillidh cùl; “C’ àite, measg sòlas nan seòd, Garbh bhrathair na còrr òighe Muirn? Dorcha, mall tha ’laithe triall An toirm ghleann nan sìan mu Lòra. Faic! is esa tha tearnadh o shliabh, Mar steud-each gun srian am mòr-chuis, Nuair chithear an t-eachradh m’ an raon, Agus foghar na gaoith na shròin. ‘Ceud fàilt air Cleasamor nach faoin! C’ uim’ cho fada o Shelma nan corn?’ “Na thill an righ,” ’s e fhreagair an triath, “Gu monadh uam fiadh le chliu? Do mholadh mar Chumhal nan srian, An còmhrag nan sgiath gu chùl? Bu tric thar Carunn bha sinn a’ triall Gu talamh a’s ciara dàimh: Cha do thill sinn gun fhuil air ar sgiath; Cha robh sòlas air triath nan lann. C’ uim’ tha cuimhne air àm nam blàr, Is mo chiabha gu ’m barr cho liath? Cha ’n aithne do ’n bhogha mo làmh; An diugh is eatrom mo shleagh ’s mo sgiath. Na ’n tilleadh sòlas dhomhsa féin, Mar chunnacas air cheud an òigh, [TD 151] [Laideann] [TD 152] Urla shneachda nan dàimh treun, Maona ghlan dha ’n géille slòigh, Ainnir àillidh nan rosg ciar!” “Aithris,” thuirt an righ le fòill, “An sgeul m’ an òigh, a thriath. Mar nial air gath gréine tha do bhròn; Tha d’ anam fo cheò nach crion; ’S dubh-dhorcha do smaointe, ard laoich, A’ d’ aonar mu Lòra nam fuaim. Cluinnear mu d’ òg-bhròn nach faoin, Air a cheò a chuir d’ aois fo ghruaim.” “Iadsa làithe na sìth a bh’ ann;” Thuirt Cleasamor nan lann, an triath, “Bhuail mi gu Bailechluthai nan tùr ard, Nam balla cam, an eathar ciar. Chuir gaoth mo shiuil bhàn fo ruaig Gu calla air Cluthai nan sruth sèimh. Tri làithe thogadh fleagh agus cuirm An talla Rurmhair nan corn fial; Chunnacas urla soluis na muirn, Maona ghasda nan tùr ’s nan triath. Chuireadh sòlas na slige m’ an cuairt; Thug Rurmar nam buadh an òigh, A broilleach mar chobhar nan stuadh, A sùil reul sholuis an t-slòigh; Dubh mar am fitheach a ciabh; B’ àillidh na ’ciabh a gnè. Mòr m’ annsadh air ainnir nan triath, Maona ghasda air sliabh nan réidh. [TD 153] [Laideann] [TD 154] Chunnacas mac coigrich nan sgiath, Og a dh’ imich a thriall do Mhaona; Chualas fhocail an talla nan triath; Leth tharruing leis sgian nach caol. ‘C’ àite bheil ard Chumhal nan lann, Fear astair nan gleann gun raon? Bheil Cumhal is gaisgich san àm, Thusa ladorna, dàn, is faoin? “Tha m’ anam, thuirt mise, a thriath, A’ lasadh gu thrian leis féin; Gun eagal tha Cleasamor fo ’sgiath, Measg mhìlte, ge ciar na tréin. ’S mòr d’ fhocal, mhic coigrich nan lann, Agus mise san àm am aonar; Tha mo chlaidheamh crith-mhosgladh gu cheann; Grad a b’ aill leis mo làmh ag aomadh Gun fhocal eile air Cumhal nan ceud, Mhic Chlutha o na thréig an sruth.” Dh’ éirich neart agus ardan na h-òige; Bhuail, is thuit an triath mòr fo chruaidh. Chuala Clutha air bruachaibh na seoid; Las mìle sleagh còrr m’ an cuairt. Chuir mi cath: thug coigrich buaidh: Leum mise grad an Cluaith nan sruth; Sgaoil mo shiuil bhàn air cuan, A’ beumadh ro’ stuadha dubh. Thàinig Maona truagh fo dheoir, Ag aomadh nan rosg bròin o speur: [TD 155] [Laideann] [TD 156] Chualas a guth, ’s e dubh is beur. Tric a thill mi féin an long; Bhuadhaich tonn is gaoth o ’n ear; Ni ’m facas Clutha chaoin o ’n uair, No Maona nam buadh, nan ciabh ciar: Thuit ise mu Chluthai gun tuar; Chunnacas tannas bha fuar air sliabh. Dh’ aithnich measg na h-oiche a triall, Ise an iomall nan sìan an Lòra; A caol ghath mar ghealach as-ùr, Sealladh sìos o mhùig nan speur, ’Nuair thuiteas an sneachda gu dlùth, An domhan fo smùr gu léir.” “Togaibh, bhàrda caoin, am fonn,” Thuirt Fionghal, ard shonn nan sgiath; “Togaibh moladh mìn Mhaona nan tonn, Is i codal am fonn nan sliabh; Gairmear a h-anam gu mall fo dhuan Gu talamh nan stuadh mòr. A caoin astar mu iomall nan cruach, Air Mòrbheinn, nach truagh òigh; Gathaibh gréine nan laithe dh’aom, Sòlas banail nan daoine bh’ ann. Chunnacas balla Bhaile Chluthai nan lann, Air nach éirich ach gann guth slòigh; Anns an talla bha teine nach mall; An diugh gun chaidre measg treith is oigh: Dh’ aom Clutha; sruth eatrom air raon [TD 157] [Laideann] [TD 158] O ard bhallaibh, thuit claon fo smùr. Ann sin cluaran a’ gluasad fo ghaoith, Agus coineach a’ caoineadh fo thùr; An sionnach ruadh ’na uinneig féin, Mall lùbadh an fheir m’a chùl. Is fàsach còmhnuidh Mhaona nan teud, Doilleir talla nan ceud san tùr. Togaibh, bharda, bròn nam fonn Mu thalla nan tonn, a bh’ ann; Thuit na treuna fada fo thom; Thig làithe nan sonn a nall. C’ uim’ a thogadh leat talla nan corn, Mhic aimsir, a’s lìon mhoire sgiath? Thu coimhead an diugh o ’n tùr mhòr, An t-ath là fo scòrr nan sliabh. Cha mhall na bliadhna ’s cumhachd triall, Le osaig nan ciar mhonadh fàs A’ gairm an talla nan triath, A thuiteadh gu trian air làr. Thigsa, chiar osag, o mhonadh fàs; Bithidh sinne sàr nar làithe féin; Bithidh comhara mo lann am blàr; Bithdh m’ anam aig bàrd an trein. Togaibhse fonn, cuiribh slige m’ an cuairt; Biodh sòlas r’a luaidh air mo chòir. ’Nuair dh’ aomas tusa, chi mi shuas, Ma dh’ aomas tusa, a sholuis mhòir; Ma ta air àm, air àm gun tuar, [TD 159] [Laideann] [TD 160] Mar Fhionnghal a’s luaithe ceum; ’S ceart co fada mo chliu ’s do dhearsa.” Mar sin a thog an righ am fonn, Air làithibh nan sonn a b’ àirde gnìomh; Làn mhìle fear focail shuas, Ag aomadh gu luaidh an righ. Bu chosmhuil sin ri fuaim nan teud, ’Nuair dh’ éireas a ghaoth mall o ’n ear. B’ àillidh do smuainte féin, a thréin; C’ uim tha Oisian a’ d’ dhéigh gun neart? Ach seasaidh tu, athair, leat féin; Co e coimeas righ Shelma nam feart? Chaidh an oiche thairis am fonn; Dh’ éirich maduinn le sòlas còrr; Chunnacas monadh thar liath cheann nan tonn; An gorm chuan fo aoibhneas mòr; Na stuaidh fo chobhar, ag aomadh thall, Mu charraig mhaol bha fada uainn; Ghluais ceò o linne gu carn. Sàmhla dall is aosd’ o chuan; Cha robh shiubhal mar shiubhal nam fear, Nan garbh chruth o lear le ceum; Caol thannas ag aomadh o ’n ear, ’Ga ghìulan air leth nan speur. Gu Selma mhòr ghluais an cruth, Tuiteam dubh mar fhuil air raon. Chunnaic an righ an sealla trom, Bàs nan daoine tighinn a nall. [TD 161] [Laideann] [TD 162] Thàinig do thalla nan sonn; Ghlac e sgiath Chumhail ’na làimh; Chluinnte scread na maile cruaidhe. M’ an cuairt ghrad dh’ éirich na laoich; An sàmhchair sheas treun-fhir an t-sluaigh, Gach sùil air righ fuar-ghleann an fhraoich, An còmhrag a’ snàmh air a ghnùis, Bàs an t-slòigh ag iadhadh ma shleagh. Dh’ éirich mìle sgiath an aird; Làn mhìle claidheamh dubh-ghorm geur A’ dealradh glan an talla Shelma, Screadadh truagh air cruaidh nan arm, Donnal balbh nan luath-chon còrr: Gun fhocal, gun ghuth o cheann; Gach sùil air lann is tuar an righ, Esa tarruing a shleagh o ’chùl. “A shìol Mhòrbheinn, a’s lìonmhor treun, Cha ’n àm so do theud na fial: Tha còmhrag a’ dùbhradh romham féin, Bàs a’ dorchadh mu chruaich nan sliabh; Tannas faoin, do ’n annsadh cliu, Feuchainn dhuinn na dàimh o lear: O ’n uisge thàinig suas a’ mhùig, Comhara garbh chunnart nam fear. Gach làmh air sleagh, a’s glaine crann; Gach slios fo lann tha guinneach geur; Dubh-chlogaid ag éirigh mu gach ceann; Gach màile thall mar theine speur. [TD 163] [Laideann] [TD 164] Mar stoirm tha ’n còmhrag tional shuas; Cluinnear luath guth fuar a’ bhàis. Dh’ imich an righ, is lean an sluagh, Mar nial stuaidh làn tein is toirm, ’Nuair thig an caol dhealan o thuath Do mharuiche truagh le stoirm. Air Còna sheas na feara ’m fraoch; Chunnaic òigh’ nan uchd glana na tréin, Mar bhadain nan geug na laoich. Chunnaic bàs measg òig-fhir nam beum, Na rosga mall air cuan le fìamh, Air cobhar bha triall mar sheoil; Deoir a’ siubhal lic bhanail gun ghìomh, Spairn anama mu ghnìomh nan seòd. Ghluais an solus suas air cuan; Mòr chàbhlach air stuadh mar cheò; Air tràigh thaom na treuna gu luath. Measg tional a shluaigh bha seòd, Mar cheannard ruadh-eilid nan cruach, A sgiath bhallach, uallach, uasal, òir; Bu duineal, còrr, righ mòr nan sleagh, A thriall gu sàr Shelma nan tòrr; A mhìlte ’na chòir air magh. “Gluais le focal caoin na sith, Gluais, Ullin, gu righ nan lann; Innis da sa’ chòmhrag ar brìgh, Ar naimhde measg fuaith nam fann; Gur mòr an cliùs’ a thog ar fleagh, [TD 165] [Laideann] [TD 166] An talla farsuing, a’s fial baigh. Feuchai iadsa do ’n sinns’re gach sleagh O thìr fhada nan treun dàimh; Ionadh sud do chlann coigrich gun ghìomh, ’Cur fàilt air cairde do thriath Mhòrbheinn. Chualas thall mu ghnìomh nam buadh; Chrith righre measg ardan an sluaigh, Is an domhan a’ luaidh oirnne.” Ghluais Ullin le focal caoin; Sheas righ nach robh faoin r’a shleagh; Chunnaic e nàmhaid san raon. “Ceud fàilt air mac coigrich nam fleagh! Mall is mòr do cheum o lear:” Thuirt Fionnghal nam fear ’s nam faobh; ‘Do lann mar ghath teine o ’n ear Dol seachad gu mear ri do thaobh; Cha mhò gealach mhòr nan speur Na do sgiathsa féin, a laoich! Dearg do ghruaidh, is òg do shnuagh, Caoin leadan nam buadh mu d’ cheann! ’S math gu ’n tuit an crannsa gu luath, Gun chluinntinn m’a luaidh sa’ ghleann. Bithidh dòruinn chiar air òigh nan tonn, I’ coimhead air dronn an t-sàil. Their leanabh ceart fhaicinn na luinge, ‘Righ baile nan sonn a t’ann!’ Na deoir tigh’n o dhearg shùil do mhàthar Mu do chadal an cathair nam mòr-bheann.” [TD 167] [Laideann] [TD 168] Sud focala fein an righ: Thàinig Ullin na brigh do ’n triath; Thilg e sleagh fada air frìth, Roi’ Charthonn le sìth fhial, Is e a’ togail an fhuinn gu mall. “Thig gu cuirm Fhionnghail nam beann, Gharbh Charthuinn o ghleann a’ chuain; Thig gu cuirm an righ a nall, Neo tarruing an lann gun bhuaidh. Is lìonmhor taibhs’ ar naimhde, a threin; Ach cliùthar sinn féin ’s ar càirde. Faiceadh Carthonn an raon gu léir, ’S iomadh gorm thom ag éirigh arda Le clachaibh glas is feur fo fhuaim; Naimhde Fhionnghail fo uaigh a t’ ann, Na dàimh, a dh’ aisig ràmh thar cuan.’ “Am bheil do ghuth ri taibhs’ nan àrm? Thuirt Carthonn, “a bhàird bhrais o Mhòrbheinn? Na chaochail mo thuarsa gu glas, Mhic fonn, nach ’eil cas gu còmhrag,” An dùil leat m’ anam adhlac’ an scleò Le sgeulaibh nam beò a dh’fhalbh? Chosgair an làmhs’ an carraid na seoid; Air mo chliu cha ’n ’eil còmhra balbh. Gu laigse nan làmh le fonn; Géilleadh iadsa dha ’n t-sonn Fionnghal! Nach fhacas Bailclutha nan long, Is an suidhe air tom gun iorghail? [TD 169] [Laideann] [TD 170] Innis so do mhac Chumhail, a bhàird, Cumhal, a thilg a theine suas, An talla Chluthai nam bruach ard, Aite còmhnuidh mo shinns’re ri stuadh.” * * * * * * * * * * * * * * * [TD 171] [Laideann] [TD 172] [Blank] [TD 173] OINAMORUL. [TD 174] [Blank] [TD 175] [Laideann] [TD 176] OIGH-NAM-MÒR-SHÙL. v. 1-20. MAR ghluaiseas solus speur fo scleò Air Larmon mòr a’s uaine tom; Mar sin thig sgeul nan triath nach beò Air m’ anam is an oidhche trom. Nuair thréigeas filidh caoin a mhuirn, A chlàrsach chiuil san talla ard; Thig guth gu cluais Oisein o chùl, Mosgladh anma an tùr nam bard. ’S e guth nam bliadhna thuit a ta ann, Tional uile a nall le ’n gnìomh. Glacam-sa na sgeula nach fann, Cuiream siòs iad am fonn gun ghìomh. Cha shruth tha dorcha fonn an righ, ’Nuair dh’ éireas e measg strì nan teud; O làimh-ghil an Lutha nam frìth Malmhìna, cruth clìth gun bheud! A lutha nan teud a’s glaine fuaim! Gun sàmhchair air do chruachan ard, Nuair shiùbhlas, geal-làmh na stuaim Air clàrsaich fo dhuan nam bard. [TD 177] [Laideann] [TD 178] Sholuis nan smuainte dorcha truagh, Tha tarruing suas air m’ anam dall; A nighean Thoscair nan ceann-bheart cruaidh, Thoir cluas do chaoin fhuaim tha mall! Gairmsa air ais gu luath Na bliadhna gun tuar, a bh’ ann. An làithibh an righ, bu cholgach snuagh, Mo chiabha, na ’n dual mu chuach nan òigh, Sheall mi air Cathlinne nan stuadh, O dhruim a’ chuain, fo ghruaim gun cheò. M’ astar gu innis Fuarfead thall, Mòr choille nan crann san t-sàil. Chuir righ nan sonn air tonn mo lann, Le beum nach fann, gu naimhdibh righ Mhalorchoil nam fuarfead crann, Fear cuirme nach robh gann an sìth. Ghluais còmhrag o chuan m’ an triath. An cala Choileid thrus mi mo sheòl, Chuir mi ’n lann gu fear mòr nam fleagh; Dh’ aithnich es’ ard-shuaicheantas nan seòd, Agus dh’ éirich le mòrchuis a shleagh. Dh’ imich triath o ’thalla ard, Ghlac esa mo làmh le fìamh: “C’ uime thàinig sìol Mhorbheinn nam bard Gu duine gun chàil, gun ghnìomh? Tonthormod nan lann geur ’s nan sleagh, Fear cuirm agus fleagh an Sardronlo, Dh’ iadh a shùil mu m’ nighinn chaoin, [TD 179] [Laideann] [TD 180] Oigh-nam-mòr-shùl a’s glain, urla. Dh’ iarr es, agus dhiùlt mi ’n òigh; Le mòrchuis bha ar shinns’re fo naimhdeas. Thàinig e le còmhrag bu chòrr, Gu Fuarfead nan seòl le gàmhlas; Thaom e mo shluagh air mo shluagh. C’ uime thàinig gu tuath an triath, Gu duine, ’s e tuiteam gun ghnìomh?” “Cha d’ thàinig mar bhalachan neo-threun A choimhead gun fheum air strì; Tha cuimhne do ’n mhòr righ ort féin, ’S air do chuirmibh gun bheud an sìth. Thàinig an righ o ard thonn sìos, Air innis nam frìth ’s nan crann; Cha bu nial thu am meadhon nan sìan, Bha fleagh, bha fial, bha dàn. ’S e furan, a thriath, thog mo lann; ’S math gu ’m fairich do naimhde a càil. Ni ’n di-chuimhn ar cairde an àm, Ge fada sinn thall air sàil.” “Shàr mhic Thréinmhoir nan colg sheòl, Tha do ghuth mar Chruth-Loduinn beur, ’Nuair a labhras o bhrise an neoil, Fear tuinidh ro mhòr nan speur. ’S iomadh sonn a chrom air fleagh, Nach tog an diugh sleagh air mo dhòruinn: Mo shùil air gaoith a chuain, ’s i caochladh, Cha ’n fhaicear air chaol na seoil chòmhnard. [TD 181] [Laideann] [TD 182] Tha stailinn san talla le saoibhneas, Gun slige bhreac chaoin le sòlas. Thig-sa, shìol nan triath, a nall; Tha ’n oiche mu charn, ’s i ciar; Cluinn-sa guth, a’s glaine fonn, O òigh nan tonn a’s fuaire fead.” Air clàrsaich ghrinn nan iomadh teud Dh’éirich làmh-gheal, rùn nan ceud, Oigh-nam-mòr-shul, b’ àillidh snuagh. An sàmhchair sheas mi fada thall; Mar sholus ainnir nan ciabh mall, Ainnir àillidh innis nan stuadh. ’Dà shùil a’ dearsa mar dhà reul Sealltuinn ro’ dhubh-bhraon nan speur, Fear seachran a chuain a’ coimhead suas, Air gathaibh glan air stuadh na h-oidhche. Ghluais mi le madainn gu còmhrag, Gu Tormul nam mòr shruth o charn. Thàinig an nàmhaid air chòmhla; Sgiath Thormoid nan cop ’s nam ball. O thaobh gu taobh sgaoil an strì; Thachair Tormod is mi sa’ chruadal; Bhriseadh leam staileann gun bhrigh: Fo cheangal chuir righ nam fuar-thonn. Thug mis’ a làmh fo neart nan iall Do shlige na fial Malorchol; Dh’ éirich sòlas na cuirm’ air an triath; Thuit naimhde o thrian na droch-bheirt. [TD 183] [Laideann] [TD 184] Thionndaidh Tormod fada thall O nighinn àillidh nan rosg mall. “Mhic Fhionnghail,” so thòisich an righ, “Cha ’n ann gun bhrigh a théid thu uam; Cuiream solus san luing ’an sìth, Ainnir àillidh rosg mall gun ghruaim; Loisgidh an teine so an sòlas Air anam na mòrchuis an gnìomh; Gun fhaicinn cha shiubhail i gu mòthar An Selma nam mórbheinn ’s nan righ.” Anns an talla, doilleir trom, Chrom mo rosg an cadal sèimh; Air mo chluais thuit torman nam fonn, Mar osaig nan tom, a’ chaomh’neas reidh, Osag, a dh’fhuadaicheas m’an cuairt Feusag liath a’ chluarain an aois, Dorch’ shiùbhladh air cruachan an fheur. Co e an guth? Oigh ghlan nam Fuar-fead, Togail mall a fonn san oiche: B’ eol’ do ’n ainnir m’ anam caoin Mar shruth nach faoin air thaobh nam fonn. “Co as an triath,” is e thuirt an òigh, “Tha coimhead air gorm-cheò a chuain? Co th’ ann ach triath a’ chùil mhóir Dubh mar sgeith fhithich nan cruach; Chi mi measg osag a chiabh, Agus ’s àillidh a thriall am bròn. Tha sùil an fhir fo dheoir gun fheum, [TD 185] [Laideann] [TD 186] A chliabh duineil ag éirigh mall Air ’anam, tha briste o chéile. Fàg an traigh, ’s mi fada thall, An seachran nan carn leam féin; Tha clann nan righ gu cli is caoin; Tha m’ anamsa baoth, a thréin. C’ uime bha ar n-aithreacha féin An naimhdeas treun, a rùin nan òigh? “A ghuth chaoin o ard innis nan sruth, C’ uime chaoineas an dubh nan speur? Sàr shìl Thréinmhoir a’s colgaiche cruth, Cha mhùgach an anam, ’s cha bheur. Cha sheachrainn thu an carn leat fèin, Oigh-nam-mòr-shùl nan rosg tlàth. Fo ’n urla so tha guth gun fhuaim; Cha druid e gu chluais nan dàimh, Tha ’g iarraidh dhiom clàistinn do thruaigh, Nuair ghluaiseas iochd m’ anam gu bàigh. Trèig an talla, thus’ a’s caoine fonn; Cha bhi Tormod nan tonn fo bhròn.” Thuit ialla le madainn o ’n righ; Shìn mi dha làmh mhin na h-òigh. Chuala Malorchul mis’ an sìth, Am meadhon talla, is airde fuaim. “A righ Fhuarfheid, is uallach crann, C’ ar son a bhiodh Tonthormod fo bhrón? A shinns’re luchd tarruing nan lann, Dealan speur e féin sa’ chòmhrag. [TD 187] [Laideann] [TD 188] Bu naimhdean aithreacha nan triath; Tha sólas am fial a bhàis; Tha ’n làmhan ris na sligibh liath, Tha ’g iadhadh mu chiar Chruth Loduinn. Air chùl, le chéile ar fraoch, An dubh nial a dh’ aom o shean.” Sud mo ghnìomha féin nuair dh’ iadh Mo chiabh mu ’m mhuineal gun aois; Nuair bha solus mar éididh mu ’n cuairt Nighean uasal innis nan crann. Ghairm sinne air ais gu luath Na bliadhna gun tuar, a bh’ ann. [TD 189] [Laideann] [TD 190] [Blank] [TD 191] GOLNANDONE. [TD 192] [Blank] [TD 193] [Laideann] [TD 194] GAOL-NAN-DAOINE. v. 1-20. CHAOL-ABHAINN nan sruth ciar o charn, Dorcha dall do shiubhal shuas; Tha mo shùil measg iomairt do chrann, Talla Charuill nan lann ’s nam fuaim! An sin a bha tuineadh na h-àille, Gaol-nan-daoine, sàr fhuil an righ: A sùile mar sholus nan reul, A ruighe gasda gun bheud; bha ’làmh Geal mar chobhar air uisge nan leum; Dh’ éireadh ciocha nam beus gu mall Mar thonna bar-gheal a chuain mhòir; A h-anam na shruth do sholus Fo urla corrach, a b’ àillidh snuagh. Co ise measg òighe ’n ard bhrollaich, Bu choimeas ri glan rùn an t-sluaigh? Fo ghuth caismeachd righ nam buadh, Gu Cròna nan sruth ruadh, tha thall, Ghluais Toscar o Lutha gun ghruaim, Is Oisean, fear luaidh nan dàn, Tri baird air ar taobh le fonn [TD 195] [Laideann] [TD 196] Tri sgéith nach robh lom, ’n ar còir, Dol a thogail nan clach air an tom, Chuireadh cuimhne nan sonn fo ghlòir. Aig fiar shruth choinich Chròna féin Sgap Fionnghal, an t-ard threun, na dàimh; Theich coigrich roimh ’chlaidheamh gu lèir, Mar gharbh mhuir a’ beumadh air tràigh. Thàinig sinne gu raon a chliu; Théiring an oiche o chùl nan carn; Reub mi darag o leathad nan smùr; Thogadh lasair measg mùig nan ard. “Seallaibh sìos, mo shinns’re treun; Seallaibh sìos o ’r tallaibh féin, ’Nuair mhosglas cliu as-ùr ar clann, Soillsidh suinn nan lann air gaoith.” O chladach Chròna thagh mi clach, Measg fonna le neart nam bard; Fuil naimhde Fhionnghail fo smachd An coineach dhubh-ghlas nan àld. Fo sud shuidhich mi o chéile Tri copana o sgéith nan dàimh, ’Nuair luidheadh mu seach agus dh’ éireadh Fonn oiche o Ullin an àigh. Chuir Toscar a sgian fo ’n ùir, Is murla dubh-ghorm stailinn chruaidh; Thogadh mu chloich aird an smùr, A ghairm gu cliu bliadhna nan luadh. [TD 197] [Laideann] [TD 198] A nighean chòineach sruth nan carn Thu ’g éirigh an aird ann am chòir; A chlach o chladach ata thall, ’Nuair chaillear sìol Shelma nan tòrr; Labhair-sa ri laigse nan daoine. Air aghaidh, ’s an oiche fo sprochd Luidhidh dubhailtach bochd, tha triall, Do choineach a’ caoineadh gun lochd, A tilleadh mu rosg nam bliadhna. Eiridh còmhraig threun fa chòir, Righre gorm sgiathacha’ tearnadh gu cath, Làn ghealach a’ dubhadh fo ’n scòrr Air raona nan seòd ’s nam flath. Brisidh e o ’aisling chiar; Druididh madainn air triall na h-oidhche; Chithear uaighe nan treun air sliabh, Treuna gasda nan gnìomh an soillse. Labhraidh e mu chloich na raoin, Agus freagraidh an aois r’a iarraidh: “So an liath-chlach thog Oisean nach faoin, Sàr cheannard, mu ’n d’ aom na bliadhna.” Ghluais mall o Chaolabhain am bard O Charull, do ’n annsadh dàimh, G’ ar cuireadh gu cuirme nan ard, Aite tuinigh geal-làimhe na bàigh, Gaol-nan-daoine nan sàr thriath. Shoillsich Carull measg aois a chiabh, ’Nuair chunnaic e sìol a chairde, [TD 199] [Laideann] [TD 200] Mar dhà gheug òg air an t-sliabh, Air chrannaibh do ’m miann na h-arda. “A chlann nan treun mòr,” thuirt Carull, “Thug sibh làithe chaidh thairis a nuas, ’Nuair a thearnadh leam sìos o thonn mara Air Selma nan darag ri stuadh. Bha Dubh-mhac Chèir-ghlais fo mo ruaig, Fear còmhnuidh gaoith luath air chuan; Ar n-aithreacha nan naimhde cruaidh, Thachair sinne aig Cluai nam bruach; Theich esa o m’ lann air fairge, Mo shuilsa leantuinn ’na dhéigh. Mheall an oiche mi gun fhàire; Thàinig mi gu talla an righ, Gu Selma nan làn bhroilleach òigh. Thàinig Fionnghal, bu chòrr, le ’bhaird; Thàinig Conlaoch, làmh bàis nan ceud. Tri làithe bha cuirm anns an ard; Chunnas gorm-shùil làn na h-Eirinn, Nighean nan triath mòr, Roscranna, Solus àille shìl Chormaic nam beum. An di-chuimhn’ cha do thréig mo cheuma; Thug righ nam beum dhomh a sgiath; Sud ard i an talla nan teud, A’ cur cuimhne air àm nan triath. A chlann nan treuna mòr o fhairge, Thug sibh làithe chaidh thairis a nuas. [TD 201] [Laideann] [TD 202] Thog Carull lasair ghlan na cuirme. Dà chopan nan toirm o ’r sgiath Chuir sìos fo chlachaibh le muirn, Gu labhairt ri ùr-chlann an triath. “Nuair bheucas còmhrag,” thuirt an righ, “Nuair thachras an strì nan lann Ar maca—so! caismeachd na sìth. Air a chloich so bithidh brigh nach fann. ’Nuair ghleusas iad na sleagha gu feum— Nach robh ar n-aithreacha fo chliu Aig cuirm? Cuir air chùl an sgiath.” Thuit oiche le ciabhaibh donn; Ghluais ainnir nan sonn dàna; Measg chlàrsach chualas a fonn, Gaol-nan-daoin’ nan ruighe bàna. Dhorchaich Toscar ’na àite féin Roimh rùn nan ceud. Air ’anam thall Thainig i mar dhearsa nan speur Air dubh-dhruim nan leum air sàil, ’Nuair bhriseas an solus o nial, Air cobhar liath nan tonn. Le madainn mhosgail sinn’ an sliabh; Ar ceuma air triall nan ruadh. Thuit iad mu shruth a b’ annsadh riamh, Thill sinne ro’ Chròna nam buadh. O ’n choille thàinig oirnn fear òg, Sgiath nach mòr, is sleagh gun bheud. “Co as tha ’n dearsa o ’n tòrr?” [TD 203] [Laideann] [TD 204] Thuirt Toscar o Lotha nan ceud. “Bheil sìth an Caolabhainn nan teud Mu sholus nam beus air clàrsaich?” “An Caolabhainn nan sruth,” thuirt an t-òg, “Thuinaidh soillse nan seòd air chàrsaich; A nis tha a siubhal san tòrr Le mac an righ mhòir a’s sàire, Es’ a ghlac le rùn a h-anam A’ seachran car tamuil san talla.” “Og-choigrich na sgéile truaighe, Am faca tus’ a thuar ’s a thriall? Tuitidh e fo chadal tha buan. Thoir dhomhsa gu luath do sgiath.” Le feirg reub an sgiath dha féin; Dh’ éirich brollach nam beus o cùl, Mar uchd eala ag iadhadh gun bheud Air tonna o threunas a chuain. ’S i Gaol-nan-daoine féin a bh’ ann, Nighean Charuill, fuil shàr an righ. Ghluais ’gorm-shùil mu Thoscar nan lann; Chaidh a h-anam air chall san strì. [TD 205] [Laideann] [TD 206] [Blank] [TD 207] CROMA. [TD 208] [Blank] [TD 209] [Laideann] [TD 210] CROMA. v. 1-20. ’S E guth ciuin mo rùin a t’ ann! Neo-mhinic gann gu m’ aisling féin thu. Fosglaibh sibhs’ bhur talla thall, Shinns’re Thoscair nan ard speur; Fosglaibh sibhse dorsa nan neul. Tha Malmhìna gu dian fo dheur. Chualam guth measg m’ aisling féin; Tha forum mo chléibhe gu h-ard. C’ uim’ a thàinig an osag ’na dhéigh, O dhubh-shiubhal na linne thall? Do sgiath fhuaimear an gallana ’n aoinaich Thréig aisling Malmhìna air sliabh. Chunnaic is’ a rùn ag aomadh, Ceò-earradh a’ taomadh mu ’n triath, Dearrsa na gréine mar thaobh ris ’S e boilsgeadh mar òr nan dàimh. ’S e guth ciuin mo rùin a t’ ann; Neo-mhinic gann do m’ aisling féin thu. ’S e do chòmhnuidhse m’ anam fhéin, A shìol Oisein, a’s tréine làmh; [TD 211] [Laideann] [TD 212] Eiridh m’ osna am maduinn gun fheum, Mo dheoir mar shileadh speura ard A’ tuiteam mall o ghruaidh na h-oiche. Bu chrann àillidh mi, thréin nan seòd, Oscair chòrr, le geugaibh cùbhraidh, ’Nuair thàinig bàs, mar ghaoth nan tòrr; Fo ’sgéith thuit mo cheann fo smùr. Thàinig earrach caoin fo bhraon; Cha d’ éirich duilleag fhaoin dhomh féin. Chunnaic òigh mi fo shàmhchair thall; Bhuail clàrsaiche mall nan teud. Chunnaic òigh mi, ’s mi cumhadh fo ghràdh. C’ uime cho truagh tha làmh-gheal nam beus? Cheud ainnir o Lotha nan sìan, An robh Oscar gu trian do luaidh Anns a’ mhaduinn mar dhearrsa o ghréin, Làn àille do mhiann fo chruaidh? Caoin am fonn na mo chluais féin, A nighean Lotha nan sruth fiar, An cual’ thu guth nach ’eil beò sa’ bheinn, An aisling, ann do chadal ciar, ’Nuair thuit clos air do shùilibh mall Air bruachan Mòrshruth nan toirm beura? ’Nuair thearnadh leat o sheilg nan carn, An làtha ciuin ard ghrian sna speura? Chuala tu barda nam fonn. ’S taitneach, ach trom do ghuth, ’S taitneach, a Mhalmhìna nan sonn; [TD 213] [Laideann] [TD 214] Leaghaidh bròn am bochd anam, tha dubh. Tha aoibhneas ann am bròn le sìth, ’Nuair shuidhicheas ard strì a bhròin; Caithidh cumha na tursaich gun bhrigh; Gann an lài an tìr nan seòd, A nighean Thoscair, a’s àillidh’ snuagh. Tuitidh iad mar dhithein sìos Air an coimhid grian neartor na soillse, ’Nuair luidheas an dealt air a’ chiabh, ’S a throm cheann fo shìan na h-oidhche. Eisd-sa ri mo shean sgeul, òigh; Tha mo chuimhne air òige nam buaidh. Fo ghuth an righ ghrad thog mi siuil. Bhuail mi Croma nan tòrr o chuan, Croma, an Innis-fàile nan sluagh, Ard thalla nan seòd ’s nam buadh, Tùr ghlas mu iomall na tràigh, Baile Chrothair, am mòr thriath, Laoch a bhuadhaich, ’na òige, thar dàimh; Thog an aois a làmh m’ an liath. Shìn Rothmar a lann thar sonn; Las fearg, a bha trom, air Fionnghal. “Gluais, Oisein, gu còmhrag a null; Tha mo charaid am òige fo iorghuil.” Chuir mi suas am bard le fonn; Thàinig e gu talla nan sonn. Shuidh Crothar measg armaibh nan triath; Ghéill a shùil; bu ghlas a chiabh. [TD 215] [Laideann] [TD 216] An gaisgeach liath air maide thall, A leadan m’ a cheann ag aomadh mall; Mhùch e fonn air àm a dh’fhalbh; Bhuail forum ar n-arm a chluas; Ghluais Crothar, shìn e mach a làmh; “Ceud fàilte do, shár mhac nam buaidh, Oisein!” thuirt an laoch, a’ còmhradh; “Thréig spionnadh lámh Chrothair am blár. Na ’n togain féin an lann gu dòghruinn, Mar an là thugh Fionnghal a nall Buaidh ri Srutha nan gleann fiar! B’ esa ceann nan daoine féin; Bha Crothar gun bheud fo chliu. Dhomhsa thug e moladh nan treun, Chuir e copan na sgéithe air chùl, Sgéith Chalthair, a dh’aom an còmhrag Fo ’n righ, ’s e ’n comhstri nan lann. Faic ard i ri balla na mòrchuis; Ghéill mo shùil; tha Crothar dall. Bheil do neart mar neart nan triath? Sìn, Oisein, do ruighe do ’n liath.” Thug mi mo ruighe do ’n righ féin; Ghlac an treun aosda mo lámh; Bhris an osan o spàirn a chléibhe; Thuit deura le ’ghruaidh gun tàmh. “Is làidir thu, a mhic an tréin; Ao-coltach do ghleus ri triath Mhòirbheinn. Co esa tha coltach ris féin [TD 217] [Laideann] [TD 218] Measg ghaisgeach nan ceud an còmhrag? Sgaoilear mo chuirm anns an talla; Togadh gach bard caoin am fonn; ’S mòr esa tha ’n iadhadh mo bhalla, Shìol Chròm’ ’ni freagar ri tonn!” A’ chuirm sgaoilte, chualas an ceòl, Ard shòlas an talla nan triath; Ach sòlus mu ’n osan fo scleò, Am bròn còmhnuidh dorcha sa’ chliabh, Mar sholus fann o ré, ’s i faoin, Tha sgaoileadh mu mhala nan speur. Thraogh an ceòl, is labhair le fòill Righ Chròma, dha ’m b’ aosda cruth; Gun deoir labhair ceannard nan seòd, Dh’ at am bròn am meadhon a ghuth. “’Shìl Fhionnghail, nach fhaic thu, thréin, An dùbhra dubh measg aoibhneas Chrothair? Cha robh mulad an cuirm orm féin, ’Nuair bu bheò seoid a bheumadh còmhrag. Am fianuis dàimh bu mhòr mo shòlas, ’Nuair a shoillsich mo chòrr mhac a’ chuirm: Ach gath sin a thréig mi fo dhòghruinn, Gun fhàgail deò soluis air chùl. Thuit e, shìl Fhionnghail nan treun, An còmhrag nam beum a’ m chòir. Chuala Rothmar an Tromlo fo fheur Gu ’n dhùinear o leus mo shùile; Chual’ e mu m’ armaibh gun fheum, [TD 219] [Laideann] [TD 220] Air balla nan teud fo smùire Chual’ e sud: an ardan mhòr Thàinig e do Chròma le stoirm; Thuit mo shluagh leis an còmhrag còrr, Las fearg mi ’na chò’-dhail fo m’ airm. Ciod a dheanadh Crothar fo leus? Mo cheuma gun bheud fo mhùig. Mo bhròn! mi gun treoir, is gun bheum! Truagh! nach tilleadh na lài chaidh null! Na lài treun san d’ thug mi còmhrag, ’Nuair choisinn mi mòr chliù na strì. Thill mo mhac o fhuaim na seilg, Faobhar-gorm nan leadan ciar; Cha do thogadh leis riamh claidheamh le feirg, Og ruighe gun mheirg lag fo sgeith; Mòr anam an òig a leumadh. Las solus nach géilleadh o ’shùilibh; Chunnaic e fo bhròn mo cheuma, Mhosgail osna nam beus o ’urla. ‘A righ Chroma,’ so labhair an treun, ‘’N ann air son nach dhuit fhéin a tha mac, ’N ann air son gu ’m bheil mise gun fheum, Ghluais osna do chléibhe fo smachd? Faireaghadh m’ athair féin mo neart; Tharruing mi cruaidh-bheart nan lann; ’Na m’ òige ’s annsa leam feart; Lùb mi bogha nan teud gu mall; Tachraidh mi ri Rothmar an còmhrag, [TD 221] [Laideann] [TD 222] Le sìol Chròma nam mòr ghnìomh Tachraidh mi ri Rothmar air còmhnard.’ Las m’ anam gu còrr gun ghìamh. ‘Tachair ris an triath fo lann, Mhic Chrothair, tha mall gun fheum, Ach biodh gaisgich eile air cheann, Gus an cluinn am fear dall do cheum. Cha ’n fhaic mo shùil thu ann do chruaidh, Fhaobhair-ghuirm nan ruadh chiabh.’ Ghluais, thachair, is thuit, an t-òg. Tha Rothmar ri Cròma nam fleagh, Esa reub mo mhac, bu chòrr, Le roinn gorm a mhòir shleagh.” Cha ’n àm gu lìonadh nan corn, ’S mi glacadh na ’m dhorn an t-sleagh. Chunnaic càirde mi lasadh gu còrr; Ghrad-ghluais iad o mhòir fhleagh. Shiubhail sinn ro’ oiche am fraoch: Ghlas maduinn gu caoin o ear; Dh’ éirich romham gleann uaine caol, Fiar shruthan a’ taomadh ro ’n lear. Bha Rothmar ann le fearta ciar Fo ’n armaibh, bha liath ri soillse. Bhuail air caol-fada nan gleann; Theich naimhde, thuit Rothmar fo ’m lann. Mu ’n do cheilear an là fo iar, Ghlac Crothar airm Rothmhair nan sgiath; Dh’ fhairich ’na aois iad le ’laimh, Mìn shòlas a’ snàmh m’a smaointe. [TD 223] [Laideann] [TD 224] Thionail sluagh gu talla nan triath; Chualas forum nan slige fial; Mhosgail clàrsach nan teud mall; Cuig barda ma seach le rann Togail cliu mu mhac nan treun, Is mu Oisian, fear ùr nan ceud; Anam a’ lasadh suas fo ’urla, Fonn a’ freagradh fo thùr nan teud. Ro mhòr mhosgail sòlas air sluagh; Gu Cròma thill buaidh fo shìth. Thàinig oiche ciuin is balbh; Chaidh maduinn air falbh fo shòlas; Cha d’ thàinig naimhde an dùbhra dùint’, A’ tarruing o ’n cùl na mòir shleagh; Bu mhòr an sòlas thog an sluagh, Is Rothmar gun tuar air leirg. Thog mi fonn air òg am bàs, ’Nuair chuir iad fo làr an triath; Crothar aosda, ’s e ’g aomadh trom, Gun osna o ’n t sonn mu ’mhac. Dh’ iarr is fhuair e lot ’na bhroilleach; Dealradh soluis am measg a bhròin. ’Nam chomhair thàinig an treun dall; Ghlac e mo làmh, is e labhairt. “A righ na sleagh, a’s géire ceann, Thuit mo mhac fo lann le cliu; Cha do theich mo ghaisgeach ro’ ghleann; Thachair esa ri bàs gun smùir, [TD 225] [Laideann] [TD 226] Is e dlùthadh ri neart nan naimhde. Sona na h-òig treun, a thriath’, Mu ’n cluinnear cliu fo chiar a’ bhàis! Cha ’n fhaic iad an talla nan sgiath Fiamh gàire mu chrionaich an làimh’; Cuimhn’ orra-sa measg fonn na mòirchuis, Deoir ghlana bhan-òg mu ’n ùir. Ceart gu ’n seac an aois o chòmhrag, Chuir treunas an òige fo chliu; Iadsa fo dhiochuimhn nam beò; An dìomhaireas tuiteas iad thall, Gun osna mhall o ’m macaibh féin; An sòlas togar suas an carn, Gun deoir air làr mu chlach nan treun. Sona na h-òig treun, a thriath, Mu ’n cluinnear cliu fo chiar a’ bhàis! [TD 227] [Laideann] [TD 228] [Blank] [TD 229] CALTHON ET COLMALA. [TD 230] [Blank] [TD 231] [Laideann] [TD 232] CALTHONN IS CAOLMHAL. v. 1-20. GLAN guth na fonna do thréin, Fhir tha tunaidh leat féin an còs, E a’ tearnadh mar shruth o bheinn An caol-ghleann na gréine dhomhs’. Fhir a thàinig o mhoigh nan Gall, Mosglaidh m’ anam an talla nam fleagh; Mar na lài am bliadhnaibh thah, Tha mi ’sìneadh mo làmh gu sleagh; Tha mi sìneadh mo làmh tha lag, Is an osun fo smachd mo chléibh’. An cluinn thu, shìl na còs an craig, Fonn o Oisian mu ’òg-ghnìomh féin? Tha m’ anamsa mu ’n aimsir mhòr; Thill solus is sòlas do thriath. Mar so féin a chithear a’ ghrian Is i siubhal san iar an soillse, An déigh do ’ceuma gluasad fo nial, Tullaich uaine nan sìan a’ boillsge, Na srutha gorm an sòlas sa’ ghleann; An sean laoch air lorg, is e triall, [TD 233] [Laideann] [TD 234] A liath chiabha lasadh m’ a cheann. Am faic fear tunaidh nan còs ciar Sgiath mhòr Oisein an ard an talla Fo chomhara scara nan còmhrag? Thréig an soillse glan a balla, Tha meirg air a balla, mo dhòghruinn! An sgiath sin féin air thaobh an tréin, Fir riaglaidh nan ceud’ air Tuaide; Air thaabh Dhunthalmo nam mòr bheum, Seal mu ’n thuit e fo gheur na cruaidhse. Cluinn-sa, fhir tunaidh nan còs ciar, Mòr sgeul air na bliadnaibh tha thall. Mòr Rathmor nan triath ri Cluai. Thunaidh lagaich na truaighe fo ’thlàth; Cha do dhùnadh riamh dorsa nam buaidh, Cuirm is fleagh a’ dol suas a ghnàth. Thàinig sìol coigrich nan Gall Le faoilte do shàr na féile; Thog barda na duana ’s na dàin; Bhuaileadh clàrsaiche mall fo theudaibh; Las sòlas an eudan a’ bhròin. Dunthalmo còrr, an ardain mhòir, Ghluais e grad an còmhrag Rathmhoir: Bhuain triath na Cluai a bhuaidh bu chòrr; Dunthalmo fo fheirg, is e lasadh. Thàinig fo oiche le ’shluagh; Thuit Rathmor fo chruaidh nan lann; Thuit e an talla nan luaidh, [TD 235] [Laideann] [TD 236] Anns na sgaoileadh fleagh luath nach gann, ’Nuair bhiodh coigrich nan Gall m’ an cuairt. Bha Colmar is Calthonn an òige, Dà mhac còrr triath mhòir nan carbad; Thàinig iad le sòlas is mòrchuis Gu talla mòr an athar féin; Sheall iad air-sa ’na fhuil, Is theiring an tuil o ’n gruaidh. Leagh anam Dhunthalmo gu ’bhun, ’Nuair chunnaic e sìol gun luaidh. Gu Alteutha, tùr na sìana, Mhosgail iad tigh thriath a’ chòmhraig; Lùb iad na boghan na fhianuis, Is thearnadh iad sìos gu chomhstri. Chunnas balladh an athar air làr, An droighionn uaine fàs san talla: Thuit deura mu ghruaidh nan sàr, ’S an eudan air àm fo smala. Cha do sheachuinn Dunthalmo am bròn; Bha ’anam fo mhòrchuis mu ’m bàs; Chuir esa iad sìos an dà chòs Aig Teutha nan ro-thoirm tha fàs. Cha d’ thàinig grian le dhearrsa féin, Cha d’ thàinig ré nan speur san oiche: An duibhre bha còmhnuidh nan treun, An duibhre gun leus gun soills’, Iadsa coimhead gu dìomhair ri bàs. Deoir shàmhach air nighinn an triath, Air Caolmhal nan ciabh ’s nan rosg mall; [TD 237] [Laideann] [TD 238] Bha ’sùile air Calthonn fo fhiamh; Ata ’àille ’na cliabh air àm. Chrith anam na h-òigh m’ a treun; Beag do chomusa féin a dheanamh: Cha ’n éirich do ruighe féin air beum; Cha robh lann riamh gu feum mu d’ iadhadh. Cha mhosgail d’ urla bàn fo mhàile; Cha ghiorag do shàraibh do shùil: A Chaolmhal an uchd chorraich àillidh, Beag do chomusa féin mu d’ rùn! Is lìonmhor is gearr bha ’ceuma, Leadan àillidh leum m’ a ceann, Sùile alluigh losgadh ro’ ’deuraibh, Ainnir ghasda nam beus air chall. Thàinig i san oiche gu talla; Chuir i cruth gun smala fo chruaidh, Cruaidh laoich an òige a chailleadh, Thuit an còmhrag ri caladh nan stuadh. Thàinig i gu còs a rùin féin, Is dh’ fhuasgail i o ’n treun an iall. “Eirich, a shìl Rathmhoir nam beum; Eirich, tha ’n oiche gun ré fo ghruaim; Teicheam id gu Selma nan teud, Shàir cheannaird nau treun o Chluthai. ’S mise mac Lamhgheal nan tòrr, Dha ’m bu thunaidh mòr thùra t’ athar; Chuala mi do dhorchadh an còs, Ghluais m’ anam le bròn a caitheadh. [TD 239] [Laideann] [TD 240] Eirich, a shìl Rathmhoir nam beum; Eirich, tha oiche gun ré fo ghruaim.” “A ghuth speura,” fhreagair an triath, A thàinig o nial gu Calthonn, Tha sàmhla mo shinns’re a’ triall, Is gu tric a’ dol sìos an aisling, O ’n là thréig a’ ghrian mo shùil, ’S an dorcha so dlùthadh m’ an cuairt. No ’n tusa mac Làmhgheal nam beum, An triath chunna’ mi féin aig Cluai? ’N teich mise gu Selma nan teud, Is Colmar gun fheum fo chruaidh? ’N teich mise gu Mòrbheinn nan sìan, Is Colmar gun trian do ’shoillse? Cha teich—Thoir dhomh féin do shleagh, Shìl Làimhgheal nam fleagh fo dhàna; Bithidh Calthonn m’ an cuairt do ’bhràthair.” “Làn mhìle triath” thuirt sgèimh na h-òigh’, Le ’n sleaghaibh mòr mu chòir nan carbad: Ciod a ni òg Chalthonn nan tòrr, Am measg coi’-thional slòigh an armaibh? Teicheam id gu righ na mòir bheinn; Thig esa a nall le còmhrag; Tha ’ruighe a sgaoileadh air gach àm Gu na truaigh tha ’n call an dòghruinn; Mar dhealan mu lagaich tha ’lann. Eirich, a shìl Rathmhoir nam beum; Siolaidhidh oiche gun fheum o thriath; [TD 241] [Laideann] [TD 242] Eirich; chi an là do cheum; Tuitidh ’n òige mòr threun nan sgiath.” Ghrad ghluais fo osna an triath, A dheoir a’ dol sìos mu Cholmar. Thàinig e gu Selma nan sìan Gun fhios da air sgéimh na h-òige. Bha ceann-bheart air an eudan chaoin; Mhosgail brollach gu baoth fo chruaidh. Théiring o ard sheilg an treun; Chunnas coigrich gun bheud ’na chòir, Mar dhà dhearrsa o shoillse speur, An talla nan ceud slige còrr. Chual’ an righ sgeul bròin o Chluai; Chuir e ’shùile m’ an cuairt le feirg. Ghluais mìle mu chòmhrag na Tuaide Leth-mhosgladh na cruaidhe gun mheirg. Thàinig mi le sleagh o shliabh, Ard shòlas a’ lasadh mo chléibhe; Labhair am mòr righ ri Oisian, Air thoiseach am meadhon nan triath. “A ghath mo threunais,” thuirt an righ, “Shìl Fhionnghail, gu strì tog mo shleagh; Gabh gu Tuaid’ nan sruth corrach o fhrìth; Tearuinn Colmar nan carbad fleagh; Thigeadh do chliù-sa a’ m’ fhianuis, Mar aiteal dol sìos anns a’ ghleann, Gus an éirich mo smuainte an ìosal Mu mo shìol, mu ùr-chliu nam beann. Bi-sa, Oisein, mar ghaillinn an còmhrag, [TD 243] [Laideann] [TD 244] Gu ciuin is gun mhòrchuis do naimhde; Mar so féin ghlan an cliu dhomhsa; Bi-sa, Oisein, mar mhòr-thriath Shelma; ’Nuair thig dàna nam focala treuna Gu talla nan teud, chrom mo shùile, Tha mo ruighe a’ sìneadh gu beuma, ’Nuair thig lagaich fo bheud a’ m’ ionnsuidh, Mo chlaidheamh an còmhnuidh gu ’n dìon.” Ghluais sòlas o fhocail an righ; Chaidh mise gun strì fo airmibh; Ri mo thaobh ghluais Diaran nam frìth, Is Deargo, ard righ nan gorm shleagh; Tri cheuda o oìgre nan gleann An déigh mo cheuma air a mhagh, Na coigrich a’ triall ri m’ thaobh. Chuala Dunthalmo am fuaim O astar na cruaidh’ gu ’thìr; Choi’-thionail e neart na gann Tuaid: Air tulaich sheas sluaigh gu strì, Mar charraige briste le torrunn, Ag iadhadh fo fhorum nan crann Gun duille, ’s iad dàithte fo dhonadh; Gun srutha a’ tuiteam gu gann Air ciaradh is fiaradh an còs. Bha Tuaid le fuaim a’ gluasad mòr Roimh naimhde garbh nan còrr. Grad imicheadh barda ’nan còir; Tairgeadh còmhrag do sheòd Dhùnthal. Fiamh gàire fo dhorcha a mhòirchuis, [TD 245] [Laideann] [TD 246] ’S a ghaisgeacha do-aill air sliabh, Mar niala air tòrra na scor-bheinn, ’Nuair bhriseas a’ mhòr-ghaoth an taobh, Sgaoileadh an ciabha dubh m’ an cuairt. Thug iad Colmar òg gu Tuaid, Iomadh iall gu cruaidh mu ’n triath. Bha ’n gaisgeach an ceuma fo ghruaim, A shùile dol suas gu thrian, Ag iadhadh mu ’chairde gu léir. Sheas sinne fo threun ’nan airm, Uisge Thuaid a’ bruailleinn le beuc. Thàinig Dunthalmo le ’ghorm shleagh; Bhuail e ’n gaisgeach glan san taobh; Thuit e air bruachan a’ mhagh Am fuil, is chual’ sinne gu ’n cùl, Na h-osna gu dlùth o ’chliabh. Leum mi air mo shleagh gun dàil; Ghabh Calthonn an snàmh le leum; Thuit Tuaid is a h-òigre fo ’r ’làimh; Thuit duibhre na h-oidhch’ air na treun’. Shuidh Dunthalmo air arda scòrr Measg coille neo-òg, fo fhuaim; Las fearg ann a urla gu mòr, Ri Calthonn còrr nan carbad luath. Sheas Calthonn féin fo bhròn, Fo bhròn mu Cholmar, a thuit sìos, Colmar glan, a thuit ’s e òg, Seal mu ’n d’ éirich a chliu fo sgeith. Cuir suas fonn ciar a’ bhròin, [TD 247] [Laideann] [TD 248] A bhaird tha còrr; tha triath fo luaidh. Sheas esa fo dharaig mhòir, Tric a’ tilgeadh air lòn a chruaidh. Bha rosga caoin Chaoilmhal fo dheoir, Gu dìomhair, ach mòr m’ a gruaidh: Chunnaic i bàs a h-athar féin, No tuiteam an tréin o Chuai. Theich oidhche gu bloigh o na speur’; Thuit sàmhchair is dùbhra mu mhagh; Bha ’anam ag aomadh d’ a fhéin, Iadhadh cadail mu threun nan sleagh: Leth-fhosgladh sùile do ’n triath, Toirm Thuaide a’ fiaradh m’ a chluais: Gun tuar, ’s a luaidh a lota mòr, Thàinig fuath (fuathas) Cholmair gu ’leus; Bha ’aomadh thar triath nan tùr còrr, Is mhosgail gann is fann a ghuth. “An cadal so do mhac nan sgiath, Oidhche fo liath, a bhràthair shìos? Nach d’ éirich gu seilge nan sliabh, ’Nuair a lean sinn na ciara mu chruaich? Cha do dhio-chuimhn’ thu Colmar, a thriath’, Ach aig iadhadh a’ bhàis m’ a ’òige; Tha mi gun tuar fo chruaich an lòin; Eireadh Calthonn; là òg ag éirigh; Thig Dunthalmo le gnìomh neo-chòir.” Shiubhail e luath am fuaim na gaoith; Chunnaic Calthonn a cheuma ’s e falbh; [TD 249] [Laideann] [TD 250] Ghluais esa fo bhuaireadh a chruaidh: Ghrad mhosgail caoin Chaolmhal gu balbh, ’Ceuma seachran ro’ oidhche, ’s i truagh, Sleagh fada gun bhuaidh ’na déigh. ’Nuair thàinig e gu carraig an lòin, ’Nuair chunnaic a bhràthair gun tuar, Las giorag is fearg m’ a chliabh mòr. Bha osna a’ bhàis m’ an cuairt: Dhùn iad, à dlùthadh mu ’n triath, Is chuir iad fo ialla caol e; Chuir iad suas e fo shùile ciar; Bha sòlas mu shliabh a’ plaosgadh, ’S an oidhch’ ag aomadh o chruaich. Mhosgail mise féin fo ’n fhuaim; Ghrad ghluais mi fo chruaidh mo shinns’re; Bha Diaran ri m’ thaobh aig Tuaid, Is Deargo, an t-òg ruadh le ’neart. Triath Chluthai bha againn air falbh; Ghluais m’ anam gu balbh fo bhròn, Is mi fo eagal mu m’ gharbh chliu; Bha mòrchuis na treunas ’mo chliabh. “Shìl Mhòirbheinn,” thuirt mi, “a thriath, Mar so cha raobh sinne riamh an còmhrag; Cha robh ar sinns’re an còmhnuidh air sliabh, Is coigrich gu ’n trian air chòmhnard. Bha ’n neartsa mar iolair nan speur, Tha ’n cliu mar bheus nam bard; Tha sinne a’ tuiteam gu léir; Tha ar cliu do réir mar shala. [TD 251] [Laideann] [TD 252] Ciod their righ Mhòirbheinn nam beum, Ma thréig Oisian e féin o Thuaid? Eireadh bhur cruaidh, a ghaisgeacha treun; Leanaibh Oisian fo bheum le fuaim: Cha till esa gun fhorum is cliu Gu Selma nan tùr ’s nam buaidh. Air gorm thonn Thuaide ghluais o ’n ear Madainn ghlan; sheas Caolmhal fo dheoir; Labhair i mu Chlutha nam fear; Tri chuairt thuit an sleagh o ’meoir. Las fearg dhomh ri coigreach ’s mi triall; Bha m’ anam gun chial mu ’n òig-fhear. “A mhic làimh’ tha tais gu trian, An cuirear còmhrag an Tuaid le deoir? Cha ’n éirich buaidh do thruaigh le bròn; Cha chòmhnuidh do ’n osna an treun. Gabh gu Carmun dona nan ruadh, Gu gluasad mu Thuaid an fheur; Ach fàg-sa na h-airme gu grad, Mhic taise, ’s tu lag gun chliu; Togaidh duin’ eil’ iad an còmhrag.” Reub mi sios a mhàil’ o ’gualainn, Urla shneachd na luaidh ag éirigh; Thuit a sealladh air talamh fo ghruaim. An sàmhchair sheall mise na treuna; Thuit mo shleagh o mo làimh is i fann; Ghluais osna an airde mo chléibhe; ’Nuair chuala mi ’n òigh a bh’ ann, Thuit na deoir gu dlùth o threun. [TD 253] [Laideann] [TD 254] Ceud fàilte air gath glan na h-òige! Chuir mise an còmhrag fo ghluasad. A mhic nan còs tha ard an cruaich, C’ uim their Oisian mu Thuaid nam marbh? Cha ’n ’eil cuimhn orr’ an talamh nan stuadh, ’S cha ’n fhaicear an uaigh air blàr. Thàinig bliadhna dorch ’nan sian, Thuit na tomanna sìos gu làr; Cha ’n fhaicear Dunthalmo no’ uaigh, No ’n t’ àit’ na thuit e fo chruaidh mo làimh. Their gaisgeach liath fo chiar na h-aois, A shealladh gu caol an oidhche Aig darach, fo shoillse an talla, R’ a chlann tha teannadh ris, mo ghnìomh, Is gu ’n thuiteadh le triath na Tuaide. R’ a ghuth tha aomadh claon na h-òige, Tha ioghantas is sòlas ’nan sùilibh. Fhuair mi Calthonn còrr ri daraig, Is ghearr mi am bar-iall o ’làimh; Thug mi dha a bheus bu ghlaine, Ard urla cruth geal, a bha làn: Tha ’n tunaidh thall an talla Thuaid. [TD 255] [Laideann] [TD 256] [Blank] [TD 257-78] NOTES. [Beurla]