[DA 1-3] PREFACE. [Beurla] [DA 4] [Beurla] [DA 5-8] CONTENTS. [TD 1-50] POEMS. [Beurla] [TD 51-119] POEMS IN THE SCOTCH DIALECT. [Albais] [TD 120] GÆLIC. DO DHUIN UASAL DO’N CHLEIR, Air dha Posadh. FAILTE dhuitse fhir na gruaige, Thug thu buaidh s’ is maith leam fhaicinn; ’N òigh mhaiseach a bhi ri’d ghualinn, Nuair a ghluaiseas tu gu faiche. Na bi borb is na bi reasgach, Gruamach, teùmach, sradach; Gu neo-chothromach a’d bheùsaibh, Udluidh, leumnach, spadach. Bi gu suairce ris an òg-bhean, ’S maith a coir air na tha agad; [TD 121] Sliochd an t-Saoir i o Chlann Domhnuill, A chaill an ordag treis o’n chladach: ’S iomadh fear dhiu sud rinn mòr-bheairt, ’Nuair bha’n còir ga toirt a dh’aindeoin; ’S gar am bheil annamsa ach lòpan, ’S ann do’n t’seorsa ud bha mo shean a’ir. Bithidh suil mhothaich agam fein ort, Ciod an ceùm am bi thu gluasad; Bithidh mi faire’s bithidh mi’geisdeachd, Air eagal gu’m bi thu’n tuasaid. Ach ma bhitheas tu caoimhneil cairdeil, Gheibh thu gradh airson do shaoithreach; ’S bheir mi fein duit uainein oisge, ’Nuair a chròdhas mi na caoirich. [TD 122] ÒRAN. ’S MI’M shuidhe ann am chrùban, Ann am bothan udluidh fuar; Gu’n duine ann a ni sugradh rium, No dh’òlas drù a cuaich. Chaidh Iain bàn air farsan uam, ’S cha’n fhan e’n dail mo sgeith; ’Sco cairdeach Gille-Padruig dhomh, Gu’n dh’fhag e mi leam fein. Bithidh bruic, is cait, is mairteanan; A garraich feadh nan tòm; ’S bha uair a chluinnte uruiscean, Ri buirich san Eas-chrom. [TD 123] Gu’n fhasgadh no gun fhardach aca, Ach scarnach, no bun craoibh; Iad fein sa bhean ’s na paistean aca, ’S iad lom-ruisgte ris a ghaoith. Gur tuirseach sgith, ’s gur camparach, Bhi’n ceann na craige ruaidh; Gun òl gun cheòl gun channtaireachd, Ach srann an uilt am chluais. Be caibe is crann a b’annsa leam, ’Sann annta bha gach buaidh; Mo chul ri ceird na drànndanaich, Be’n t’aimhleas bhi ri druaip. Thoir soruidh sios gu Mairi uam, Bean chairdeil an fhuilt reidh; Is innis dhi mar chairich iad mi, A’m fardaich bhun na sgeith. [TD 124] ’Si nach faiceadh cas orm, ’Nuair dh’fhagadh cach mi’m theinn; Gheibhinn bruanag, ’s cruachdan càise uaip, ’N am tearnadh leis a bheinn. [TD 125-6] NOTES. [Beurla] [TD 127-146] Subscribers’ Names.