[TD 1] [Taobh-duilleig a dhìth] [TD 2] [Taobh-duilleig a dhìth] [TD 3] DO’N LEUGHADAIR LEIS AN UGHDAR. BHA’N t-searmoin a leanas air a searmonuchadh air feasgar an latha sin, air a cheud uair san do fhritheil a Scriobhadair ordugh a Bhaistidh gu follaiseach. Do bhrigh am measg luchd-aidmheil Criosdui gu bheil o chionn fada eadar-dhealuchadh beachd, (agus eadar-dhealuchadh coguiseach, tha e creidsinn,) a thaobh baisteadh naoidheana nan Creideach, chunnaic o fiachuicht’ air fein, aig an am sin, a steidh air a bhi leantuinn na cleachduinn so, ainmeachadh. Leig moran chairdean ris an toil shonruichte gu’m biodh an t-searmoin air a clodh-bhualadh, agus leis an toil so rinn e aontachadh; ann an dochas gu’m bi aireamh da luchd-eisdeachd air am brosnachadh gu a leughadh, muinntir is maith a dh’fhaoidte nach smaointicheadh air sean obair air a chonnsuchadh so a cheannach na leughadh, ciod air bith co luachmhor, agus co urramach sa dh’fhaodadh i bhi.—Tha e ’g asluchadh air an leughadair na h-argumaidean o’n scriobtuir a tha air toirt air an aghaidh an so airson a cheangail-eaglais aig parantan agus aig cloinn, a thoirt fainear le seimhachd agus ro aire; ’nuair a tha e’g urnaigh gu’m beannuicheadh an Tighearn an ni a tha air a thoirt air aghaidh a reir a thoile, chum a ghloir fein, agus maith a shluaigh. [TD 4] DO’N LEUGHADAIR O’N EADAR-THEANGAIR. THA’N t-Eadar-theangair a creidsinn gur i gloir Dhe, agus maith a shluaigh a bhrosnaich an t-ughdar gus an t-searmoin so a scriobhadh agus a craobh-sgaoileadh; agus tha’n dochas ceudna aige gur e so a bhrosnaich e fein a nis na h-eadar-theangachadh; chum ’s gu’m faigheadh muinntir a dhucha cothrom air an argumaid fhaicinn air a giulan air a h-aghaidh, agus air a seasamh o’n Scriobtuir, agus a chleachduinn na h-eaglais anns na ceud linnibh. Tha lan fhios aige gu’m b’fhearr le chairdibh air an taobh eile do’n cheist e bhi na chadal, na lamh a chuir na leithid do dh’obair ach gabhaidh e air fein a bhi na chadal ’s na fhaireachadh, ’s cha’n ann mar a b’aill le daoinibh. B’aill leosan gum fanamaide na’r tosd air an taobh againn fein gu buileach, agus gu’m biodh acasan lan-shaorsa gus an taobh aca fein a thoirt air aghaidh, sa sheasamh co tric ’s is aill leo; do bhrigh gu bheil iad a gabhail os laimh gur iadsan a tha ceart, agus sinne sa mhearachd. Faodaidh briathran Sholaimh tighin a stigh gu ro dheas anns an aite so, “Saoilear gu bheil a choir aige-san, a tha air thoiseach ann an agairt a chuise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh se e:” Gnath. xviii. 17. ’S ann mar so direach a tha chuis eadar an taobh eile agus sinne. Tha iadsan lan muinighinn gur iad fein a tha ceart; is tha sinne co muinighinneach as a cheartas a bhi air ar taobh fein. Co nis a tha gu bhi na Bhreitheamh air a chuis? Focal De, gun teagamh sam bith. ’S ann a dh’ionnsuidh so a tha sinne dol, co maith riusan; ach b’aill leosan gun gabhamaid ris a mhineachadh acasan air an fhirinn, is nach deanamaid feum da’r tuigse fein idir: b’aill leo mar an ceudna nach gnathaicheamaid do’n fhirinn [TD 5] chum an taobh againn fein a sheasamh, ach na cheadaicheadh iadsan dhuinn. Direach mar gun iarradh armailte air an taobh a bhiodh ma’n coinneamh gun ghluasad a null na nall, ach mar bu mhaith leosan, na gun arm sam bith a ghnathuchadh ach na chuireadh iadsan nan laimh.; agus nam b’ ann mar so bhiodh a chuis, an armailte is laige a chaidh riamh do bhlar, b’eigin gu’n d’thugadh iad buaidh. Mar so, mar urrainn na Baistich a thoirt oirne bhi nar tosd, b’aill leo nach d’thugamaid luaidh air an timchioll-ghearradh, agus ma bheir, sinn a ghabhail a bheachd air a tha iad fein a gabhail air: is e sin, beachd feolmhor, mar a tha iad a gabhail air frithealadh an t-Seann Tiomnaidh uile, gidheadh, bha e co spioradail na ghne ris a bhaisteadh uime sin bha e na chomharadh air timchioll-ghearradh a chridhe, agus na sheula fireantachd a chreidimh. A nis, ge nach biodh ni tuilleadh san fhirinn gu h-iomlan a bheireadh air neach a smaointeachadh gum buineadh ordugh do chloinn fuidh linn an t-soisgeil, ach an t-ordugh a bha air a thoirt dhoibh le aithne Dhe fuidh linn an t-Seann Tiomnaidh, mheas ainn fein gum bu mhor an t-ughdaras e; gun ghuth air a sin, gu bheil iomadh ni eile innte a tha toirt gnuis da so. Oir cha’n’eil sinn gu smaointeachadh gu bheil sochairean an t-soisgeil na’s lugha na sochairean an lagha, a thaobh gu bheil Criosd ag radh, “thainig mise chum ’s gu’m biodh beatha, agus gu ’m biodh i aca ni ’s pailte:” Eoin x. 10. A nis ma tha chlann air an druideadh a mach fuidh’n fhrithealadh so, tha sochair shonruichte air chall da’n taobh san, nach robh mar sin roimhe so. Ach cait’ am bheil aon chuid eiseimpleir na aithne gum bheil a chlann air an druideadh amach? cha’n’ urrainn an taobh eile sin a thoirt air aghaidh. Nach dubhairt Criosd, “Leigibh do na leanabanaibh teachd a m’ ionnsuidh, agus na bacaibh iad: oir is ann da’n leithidibh a ta rioghachd Dhe?” Agus mar an ceudna nach’eil iomradh air teaghlaichean a chaidh a bhaisteadh? Ach se chumas iad ruinn, cait am bheil fad an Tiomnaidh Nuaidh iomradh gun robh naoidheana air am baisteadh. [TD 6] Tha e fior nach’eil iad air an ainmeachadh air an ainm; gidheadh, gabhaidh an gnothuch dearbhadh o’n fhirinn co soilleir ’s ged a bhiodh iad air an ainmeachadh air leth. Oir nuair a tha Pol ag radh, “Os barr, a bhraithre, cha b’aill leam sibhse bhi aineolach, gu robh ar n-aithriche uile fuidh’n neul, agus gun deachaidh iad uile tre’n mhuir; agus gun do bhaisteadh iad uile do Mhaois san neul, agus anns a mhuir:” A nis cha’n’eil naoidheana air an ainmeachadh an so; gidheadh cha’n’eil an teagamh is lugha nach robh iad ann; oir b’eigin aireamh mhor dhiu bhi ann, far an robh na h-uiread do shluagh; agus bha iad uile air am baisteadh, agus cha b’ann le’n cuir fodha, oir tha sinn a leughadh gu’n “d’imich clann Israeil air talamh tioram am meadhon na fairge, agus bha na-uisgeachan ’nam balla dhoibh air an laimh dheis, agus air an laimh chli:” Ecsod. xiv. 22—29. Ach faodaidh e bhith gu’n abair an taobh eile mar a thuirt fear teagaisg araidh dhiu rium, air dhomh an earrann so ainmeachadh; ‘faodar a radh, ars esan, gu’n robh an spreidh air am baisteadh an sin co maith ris na daoinibh:’ a ’nis cha’n e mhain gun dubhairt e so riumsa, ach a cheud uair a bha neach aige ri chuir fuidh’n uisge, thug se air aghaidh gu follaiseach e; agus is cinnteach gur ann o bheachd gun robh e air a radh gu maith an toiseach. Ach ’s beag a smaointich Pol a scriobh le seoladh an Spioraid Naoimh, air an spreidh ainmeachadh maille ris na daoinibh; b’ fhada uaith’ a ghabh e; oir is ann a tha chainnt na ’s cosmhuile ri toibheum, na ni sam bith eile. Gidheadh cha’n’eil an so ach aon fhacal a moran do’n ghne cheudna a tha’n comhnuidh air a thoirt air aghaidh leis an taobh eile a sheasamh na riaghailt aca fein; agus a shaltairt air beachd muinntir eile. Ach ’nuair a theid daoine air an aghaidh anns an doigh so, cha’n fhiach iad feairt a thoirt orra; amhain truas a ghabhail do mhuinntir a thaisbeanas a bhi co dalma aineolach, ’s gur urrainn dhoibh dol air an aghaidh mar so. Ach their iad ruinn gur ann as an Roimhe a thainig e air daoinibh a bhi baisteadh cloinne, leis an uisge dhortadh na chrathadh orra; ach ni’n comasach dhoibh [TD 7] innseadh dhuinn cuine, na co leis a thoisich so. Air an laimh eile ’nuair a dh’ fheoraichear dhinne cuin’ a thoisich baisteadh naoidheana? Tha sinn a freagairt, gun do thoisich e ri linn nan abstol; ni nach urrainn dhoibhsan a chuir an neo-brigh. Their iad ruinn gu’n robh Tertullian na aghaidh, is tha so air aideachadh leinne. Ach carson a bha e na aghaidh? an ann a chionn nach robh ughdaras nan abstol air son a dheanamh? cha b’e so idir aobhar air labhairt na aghaidh, ach beachdannaibh neonach a bha aige fein mar a tha e soilleir o bhriathraibh anns an ni a tha air a chuir ris an t-searmoin so. A nis nam b’urrainn da a dhearbhadh nach robh e air a chleachduinn ann an laithibh nan abstol, ’s cinnteach gun deanadh se e; oir nam biodh na naoidheana air an druideadh amach o’ ordugh a bhaistidh ann an laithibh nan abstol, cha b’urrainn dha bhi gun fhios do Thertullian; air dha bhi co dluth air na laithibh sin: agus bu laidire sin na argumaid an aghaidh a ghnothuich gun e bhi air a chleachduinn leosan, na coig ceud da argumaidean fein. Mar so tha e soilleir gur ann o’ bheachdannaibh Thertullian agus dream eile do’n inntinn cheudna, a thoisich daoine air an ordugh so a chumail o naoidheanaibh, agus a fhrithealadh do mhuinntir le ’n cuir fodha san uisge, an aite a dhortadh; chum ’s gu ’m biodh iad glic os cionn na bheil scriobhta, air do ’n t-seol so bhi na’s dealbhaich ann an suilibh dhaoine, air dha bhi ’m measg nan “nithe sin aig am bheil samhladh gliocais ann an aoradh fein thoile, agus irioslachd, agus mi-chaomhnadh a’ chuirp, ni h-ann an onoir sam bith chum sasachaidh na feola,” Col. ii. 23. Is cosmhuil gun robh so aig Pol san amharc maille ri nithibh eile, nuair a thuirt e ri seanairibh Ephesuis, “Agus eiridh daoine dhibh fein, a labhras nithe fiara, chum deisciobuil a tharruing ’nan deigh fein,” Gniomh. xx. 30. A nis gheibh sinn gu bheil an doigh so air a chleachduinn gu mor nar laithibhne, leis an dream ris am bheil ar gnothuch air an am so; mar so ged a chi iad daoine a toirt na h-uile dearbhadh gun d’fhuair iad eolas slainteil air an Tighearn, agus iad nam buill [TD 8] da eaglais, agus a gluasad ann an umhlachd do dh’aitheantaibh Chriosd; cha leig iad fois dhoibh, ach ga’n spionadh agus ga’n teumadh le bhi gan tarruing air an ais a dh’ionnsuidh a bhaistidh, mar nach biodh e air a fhrithealadh dhoibh riamh roimhe; agus mar so a cur an ceill nach d’thug iad umhlachd do’n aithne so fathast; agus ma theid an gnothuch leo, tha iad air an sgaradh o’n chomunn ris an robh iad ceangailte roimhe; is tha iad a nis lan-thoilichte nuair nach’eil guth aca air an ordugh eile thoirt fainear, a bha air aithne gum biodh e air thoirt air aghaidh gu bithchionta; ’se sin ordugh suipeir an Tighearna. Tha so ra fhaicinn an iomadh aite, agus gu tric; air chor ’s gum bheil so a toirt cothroim do mhuinntir nuair a tha ni sam bith a tighin nan aghaidh a thaobh a chomuinn ris am faod iad a bhi ceangailte, am fagail agus dol thairis a dh’ ionnsuidh an taoibh eile, far an gabhar riu le lamhaibh sgaoilte. Tha ni na dha a toirt air muinntir dol thairis da’n ionnsuidh, a bharr air iad a bhi beachdachadh e bhi na dhleasnas orra o’n fhirinn. Mar so nuair a tha na solasan a dh’fhaodadh iad a bhi sealbhachadh aon uair air imeachd air falbh, agus tomhas do dhorcadas, agus do mharbhantas ag iadhadh mu’n timchioll (nithe a tha air uairibh air fhein-fhiosrachadh leis na h-uile Chriosdui) faodaidh gu bheil na Baistich an so a seisdeadh orra; na theagamh nach’eil ann ach an coguisean fein ag oibreachadh, agus gam brosnuchadh a dh’ ionnsuidh a bheachd eile, air chor ’s gum bheil iad a cuir mar fhiachaibh orra fein, ma theid iad air an aghaidh dh’ ionnsuidh so, gun d’ thoir e sith agus suaimhneas dhoibh. A nis tha moran mar so air an treoruchadh le’n coguisibh fein, is cha ’n ann leis an fhirinn; agus gun amharus ’s tric le luchd teagaisg an taoibh eile, sasnuchadh mar so anns a choguis, agus a radh, mar so, nach ’eil do choguis ga d’ dhiteadh a chionn nach ’eil thu a toirt umhlachd do ’n aithne air an doigh a tha sinne cuir fad chomhair? nach ’eil i gad bhrosnuchadh ga ionnsuidh? nach cunnartach dhuit a bhi seasamh na h- [TD 9] aghaidh? Mar so tha moran a dol air an aghaidh ga onnsuidh, nach ’eil fhios aca ciod a tha gan toirt ann. Gidheadh, faodaidh do bhuaidh a bhi aige orrasan a tha dol air an aghaidh, gun d’ thoir e cail do shith, do sholas, agus do fhois dhoibh car tamuill; ach cha ’n fhada gus am faigh siad iad fein co iosal sa bha iad roimhe. Tha ’n doigh so ann a bhi sior theumadh muinntir a thaobh so, a fagail chreideach a tha lag agus air bheag eolais ro mhi shuaimhneach, agus anns a cheum so cha ’n urrainn mi gun an samhluchadh ris an dream a thainig a nuas o’ Iudea gu h-Antioch, ag radh, “Mur timchioll-ghearrar sibh a reir gnatha Mhaois, cha’n’eil e ’n comas duibh a bhi air bhur slanuchadh.” A ’nis tha e air a radh, gun do chuir iad so mi-shuaimhneas air na braithribh a bha ann an Antioch. Mar so tha moran do na Baistich ris an ni cheudna anns na laithibh so; oir tha cuid dhiu is beag nach d’ theid iad co fada ris na h-Iudhaich fein, agus a radh nach ’eil e’n comas do mhuinntir a bhi air an slanuchadh as eughmhais dol fuidh ’n uisge a reir am beachd san. A ’nis ged a tha sinne a creidsinn gur iadsan a tha sa mhearachd agus sinn fein ceart, cha ’n abhaist dhuinn moran dragha chuir orra leis an argumaid, tha sinn ga fhagail eadar iad fein agus an Ti ris am bheil gnothuch. Uaithe so, tha iadsan co faoin, agus gu bheil iad a saoilsinn gur ann a tha sinne ann an teagamh mun taobh againn fein, nuair nach biomaid cosmhuil riusan ga shior thoirt air aghaidh. Gidheadh, cha’n’e bhi ann an teagamh mun ghnothuch a tha toirt oirn a bhi nar tosd, ach nach ’aill leinn sinn fein a shonruchadh co mi mhodhail dhalma riusan, ’s gum biomaid ga thoirt air aghaidh an comhnuidh, cosmhuil ri moran diusan. Bha iad nam measg-san luchd-teagaisg agus muinntir eile, a chunnaic gur ann sa mhearachd a bha iad, agus mar sin a thionndaidh uatha sa dh’ aidich gu saor an seacharan a thaobh a bhi cumail an orduigh o’n chloinn, agus a bhi ga fhrithealadh air an doigh sam bheil iadsan ris. A nis bha’n timchioll-ghearradh air a fhrithealadh do chloinn, a bha cheart co spioradail na ghne ris a bhaisteadh, [TD 10] do bhrigh gun robh e na shamhladh air timchioll-ghearradh a chridhe, nach ’eil air a dheanamh le lamhaibh, ach le obair eifeachdaich an Spioraid anns an duine an taobh a stigh. ’Nis nam biodh na h-Iudhaich cosmhuil ris na Baistich, nuair a bha ’n timchioll-ghearradh a fhuair iad nan naoidheanaibh air a thoirt na dhiteadh nan aghaidh, air dhoibh a bhi ’g earbsa ann san fhrithealadh o’n taobh a muigh; gun idir a toirt fainear an ni spioradail a bha e cumail amach; theireadh iad cia mar is urrainn e bhi na dhiteadh dhuinne, an ni a bha air a dheanadh oirn ’s gun mhothuchadh sam bi againn air? ach cha’n’eil sinn a leughadh gun do labhair a h-aon aca air an doigh so. Ach their iad, ciod am maith is urrainn baisteadh a dheanadh do naoidhein? a cheart mhaith a dheanadh an timchioll-ghearradh dhoibh. Agus tha Dia comasach air beannuchadh a chomh-pairteachadh ri naoidheinibh air doigh nach fhios dhuinne: uime sin ’s eigin gum bheil mor eifeachd anns gach ni a dh’ aithn’ esan, ged nach urrainn daoine gearrsheallach so fhaicinn. Cha b’ urrainn na deisciobuil fhaicinn na thuigsinn ciod am feum a bhiodh air a dheanamh do’n chloinn le teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus mar so chronuich siad iadsan a thug da ionnsuidh iad; agus air a shon so, bha esan ro dhiombach dhiu. A nis gheibh sinn gu bheil mor speis agus curam air an taisbeanadh mu thimchioll cloinne leis an Tighearn, araon anns an t-Seann Tiomnadh, agus anns an Tiomnadh Nuadh. Am bheil ma ta ordugh sam bith aig cloinn fuidh linn an t-soisgeil, an aite an orduigh a bha aca fuidh linn an lagha? Nan eireadh do’n chuis a bhi mar so, cha b’eagal nach gearaineadh na h-Iudhaich air a ghnothuch, ach cha’n’eil iomradh air a leithid so do ghearan fad an Tiomnaidh Nuaidh; ged a tha ni na dha eile air a thoirt fainear leo an aghaidh frithealadh an t-soisgeil. Nam biodh a chlann air an cuir air cul, cha b’eagal nach togadh iad an guth na aghaidh; ach anns an ni so cha robh aobhar aca, a thaobh gu’n d’thainig ordugh eile an aite an timchioll-ghearraidh, a bha air a fhrithealadh do chloinn; araon do’n chlann ghillean [TD 11] agus nighean; a leig ris gun robh ordugh an t-soisgeil a ruigheachd na b’ fhaide, na’n timchioll-ghearradh; a reir briathran Phoil a tha labhairt air a mhodh so. “Oir is sibhse uile mic Dhe tre chreidimh ann an Iosa Criosd. Oir a mheud agaibh ’sa bhaisteadh do Chriosd, chuir sibh umaibh Criosd. Cha ’n ’eil Iudhach no Greugach, cha ’n ’eil saor no daor, cha ’n ’eil firionn na bainionn ann: oir is aon sibh uile ann an Iosa Criosd. Agus ma ’s le Criosd sibh, is sibh siol Abrahaim gun amharus, agus is oighreacha sibh a reir a gheallaidh.” Gal. iii. 26—29. Uime sin cha’n’eil sochairean na cloinne na ’s lugha fuidh linn an t-soisgeil, ach gu mor na ’s mo; air do ’n bhaisteadh a bhi ruigheachd air an da thaobh; eadhon air a chlann nighean co maith ’s air a chlann ghillean. Air an amhuil cheudna, an t-ordugh a tha againn an aite an uain chaisge, tha e soilleir gun robh e air a thoirt fainear air na h-uile ceud latha do’n t-seachduin, an aite uair sa bhliadhna; eadhoin ordugh suipeir an Tighearna. A nis leis an timchioll-ghearradh a chumail san amharc agus na ’s urrainn dhuinn fhoghlum o’n Tiomnadh Nuadh, maille ri eachdrui na h-eaglais; lan-dearbhaidh e gun robh naoidheana nan creideach air am baisteadh ann an laithibh nan abstol; air chor is gur ann uathasan aghabhamaid ar n-ughdaras. Ach b’aill leis na Baistich gun cuireadh iad an neo-brigh an argumaid againn, a reir ar beachd fein air a ghnothuch; le radh, ’S eigin duibh aideachadh nach robh sibh nar creidich nuair a chaidh air baisteadh, na ’ur parantaibh, na faodaidh e bhith am fear a fhritheil e, uime sin ciod a choir a bha agaibh air? Da so tha sinn a freagairt, nach ’eil creidimh air iarruidh air naoidhein ann ach o’n is i toil Dhe ordugh a bhi air a fhrithealadh dhoibh, a thoirt dhoibh, gun chonnsuchadh sam bith ris an Ti a dh’ aithn e; ma bha araon na parantan agus am fear a fhritheil e aineolach, agus nan anacreidich, air dhoibh an t-ordugh fhaotainn, agus e bhi air a fhrithealadh le h-uisge ann an ainm an Athar, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh, cha’n’eil feum air a fhrithealadh an dara uair. Ach nach’eil a [TD 12] leithid so a’g eiridh a mach nam measg fein? nach’eil cuid do’n luchd-frithealaidh a tionndadh a mach, air chor ’s gu’m bheil iad a dearbhadh nach’eil freumh a ghnothuich annta? Anns an ni so, am feum a mhuinntir d’an do fhritheil iad e fhaotainn a rithist? Nach’eil e mar an ceudna a tachairt gu bheil cuid dhiubhsan da’n deachaidh a fhrithealadh, a taisbeanadh nach robh eolas slainteil aca, nuair a fhuair iad e? Uime sin a reir am beachd fein cha robh coir aca air fhaotainn, do bhrigh nach robh iad a creidsinn. Ciod a ni iad riu so nuair a tha iad air tighin gu creidsinn? An cuir iad fodha rithist iad? Is aithne dhomh aon dhiu a tha uile thoileach air a so, do bhrigh gu bheil e’g aideachadh gu saor nach robh coir aige air nuair a fhuair se e; a chionn nach robh e aon chuid a tuigsinn na firinn gu ceart, na ga creidsinn. O na b’aill leo fein muinntir eile chuir an sas, feuchadh iad cia mar a dh’fhuasglas iad orra fein sa chas so. Tha iad air an laimh eile co daingean gur e’n cuir fodha, an t-aon mhodh air am bu choir a fhrithealadh; cha mho a dh’aontaicheas sinn leo anns an ni so; do bhrigh nach’eil sinn a creidsinn gun giulain an fhirinn e. Tha baisteadh an uisge air a shamhluchadh ri baisteadh an Spioraid Naoimh. A nis is ni cinnteach nuair a tha’n Spiorad air a thoirt, gur ann air a dhortadh a tha e, a reir ’s mar tha’n fhirinn a ghnath ’ga ainmeachadh. Am bheil e comasach gur urrainn do’n aon fhacal a bhi cialluchadh dortadh agus tumadh? Cha’n’eil crathadh na dortadh co faoin idir sa b’aill le daoinibh a smaointeachadh, oir tha’m facal crathadh air a ghnathuchadh gu tric anns an fhirinn; tha “fuil a chrathaidh” air a radh ri fuil Chriosd, “agus crathadh fala Iosa Criosd,” tha againn gu soilleir anns an Scriobtuir. Tha rithist air a radh “crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bithidh sibh glan:” Agus mar an ceudna tha e air a radh, “Mar sin crathaidh e uisge air moran chinneach:” Uaithe so chi sinn gu bheil crathadh agus dortadh air an cumail a mach gu bithchionta anns an fhirinn a thaobh seirbhais naomha, nuair nach’eil iomradh air tumadh. [TD 13] Tha earrann shonruichte dh’ionnsuidh am bheil na Baistich a dol a dhearbhadh gur e’n tumadh an doigh a tha reir na firinn, far am bheil e air a radh, “Air an aobhar sin dh’adhlaiceadh sinn maraon ris tre’n bhaisteadh chum bais:” A nis tha iad a mineachadh na h-earrainn direach a reir na litireach, nuair a tha iad a gabhail beachd spioradail air earrann eile tha’n coimh-cheangal rithe, a tha deanamh iomraidh air iad a bhi air an ceusadh maraon ris. Ach ciod an t-ughdaras a tha gu beachd air leth a ghabhail air an da earainn? Ach is ann a tha so gu bhi air a thuigsinn o chorp Chriosd a bhi air ionnlaid chum adhlacaidh, agus is cinnteach nach robh e air a thumadh ga ionnlaid. So ’n doigh sam bheil samhluchadh eadar e agus baisteadh, oir cha robh Criosd air adhlacadh mar a tha daoine air an adhlacadh na’r measgne; is cha robh a h-uile ni air a chriochnachadh ma thimchioll a reir ’s mar a bha run orra a dheanamh, oir thainig na mnai gu moch a dh’ionnsuidh na h-uaighe chum ’s gun ungadh iad a chorp leis an spiosraidh a dh’ulluich iad. Mar so cha d’rinn iad ach a chuir na luidhe seachad anns an uaigh so a bha air a cladhach a carraig, do bhrigh gun robh i fagus dhoibh; a reir mar a tha na soisgeulaichean ag innseadh. Uime sin tha Eoin ag radh, “A nis bha lios anns an ait’ an do cheusadh e; agus anns an lios uaigh nuadh, anns nach do chuireadh aon duine riamh. Air an aobhar sin air son ulluchaidh caisge nan Iudhach do bhrigh gu’n robh an uaigh am fagus, chuir iad Iosa an sin:” Eoin xix. 41, 42. Air an aobhar sin tha e air a radh gun do “ghabh iad corp Iosa, agus gun do cheangail iad e ann an lion-eudaichibh, maille ris an spiosraidh, mar is gnath leis na h-Iudhachaibh adhlac a dheanamh:” Ma bha feum aig corp sam bith air ionnlaid, roimh adhlac, bha feum aig a chorp san air; o’na lotaibh a rinneadh na lamhaibh, na chasaibh, agus na thaobh; agus is cinnteach nach robh e air a dhearmad leosan a chuir anns an lion-aodach e maile ri spiosraidh. Gun ghuth air gun robh e air a chleachduinn gu coitchionn am measg an t-sluaigh, mar a tha e ann an cuid do dh’aiteachaibh [TD 14] gu ruig an latha ’n diugh. Uime sin tha e air a radh mu Dhorcas, “Agus tharladh anns na laithibh sin, air dhi bhi gu tinn gun d’fhuair i bas: Agus air dhoibh a h-ionnlaid, chuir iad ann an seomar uachdarach i:” Gniomh. ix. 36, 37. Mar so, na’m b’ e’n cuir fuidh ’n uisge a bha air a chleachduinn leis na h-abstolaibh, cha’n’eil briathran Pheadair mu thimchioll an orduigh nuair a bha e ann an tigh Chorneliuis, idir freagarach do’n tumadh. Oir se tha air a radh, leis, “Am faod neach sam bith uisge a thoirmeasg, chum nach rachadh iad so a bhaisteadh, a fhuair an Spioradh Naomh, co maith ruinne? Agus dh’orduich e iad a bhi air am baisteadh ann an ainm an Tighearna:” Gniomh. x. 47, 48. A nis uaithe so, ’s ann a tha e soilleir gun robh uisge air a thoirt da’n ionnsuidh, air chor is nach do ghluais iad as an aite an robh iad. Se so an t-aon mhineachadh soilleir air na briathraibh. Ach tha mi gar cumail tuilleadh is fada o’n t-searmoin a b’aobhar dha so uile. Ghuidhinn oirbh uime sin a leughadh le h-aire agus le faighidinn, agus beachdachadh air mar a tha an argumaid air a toirt air a h-aghaidh o’n Scriobtuir, gu cothromach agus gu soilleir. Mar so nuair a bhios an gnothuch air a rannsuchadh, gheibhear nach’eil a chuis idir mar a b’aill leis an taobh eile chumail a mach; agus uime sin nach’eil an taobh againne gun fhirinn gun eiseimpleir chum a sheasamh. Air an aobhar sin tha doigh nam Baisteach ann a bh[a] cuir air cul na cloinne an-iochdmhor, iargailte, agus a[n] aghaidh na firinn; air chor is a reir an riaghailt agus am beachd-san, cha bu choir dhoibh doigh sam bith [a] ghnathuchadh gu clann a bhi aca idir; leis co iargalt[’-]sa tha iad riu. Ni mo a tha sinn a faicinn ughdara[s] aca o’n fhirinn a thaobh na doigh sa bheil iad ga fhrithealadh; air chor ’s ma tha iadsan a faicinn gu bhe[il] sinne sa mhearachd, tha’m beachd ceudna againne orrasan; is carson nach biodh air beachd-ne, co mait[h] ra’m beachd-san? Baill leosan an gliocas fein a chu[r] os cionn gliocas Dhe, leis an ordugh so a chumail [o?] chloinn, eagal ’s gum biodh e air a mhi-ghnathuchadh. [TD 15] Ach ’nuair a tha Pol a labhairt air mar a bha na Iudhaich a ’g earbsadh anns an timchioll-ghearradh, ged nach robh aca ni sam bith ach an comharadh o’n taobh a muigh, agus nach b’Iudhach neach airson an orduigh a bhi aige o’n taobh a mach, gun eifeachd a bhi aige san taobh a stigh; tha e feoraich, “Ciod e uime sin barrachd an Iudhaich? no ciod e tairbhe an timchioll-ghearraidh?” Agus tha e freagairt, “Is mor sin air gach doigh, air tus, do bhrigh gur ann riusan a dh’earbadh briathra Dhe. Oir ciod e sin ge nach do chreid cuid? an dean am mi-chreidimh san firinn Dhe gun eifeachd? Nar leigeadh Dia: Air an doigh cheudna, ciod e sin ge nach do chreid cuid do na chaidh, na do na theid a bhaisteadh? An dean am mi-chreidimh-san firinn Dhe gun eifeachd? cha dean idir. Air do’n chuis a bhi mar so, anns gu bheil daoine a cleachduinn orduigh a bhaistich a fhrithealadh do naoidheanaibh, o bhi creidsinn gu bheil e reir na firinn, nuair a tha iad co fiosrach, fhoghluimte, agus dhiadhaidh ri aon do’n mhuinntir a dh’fhaodas a bhi na aghaidh, is ann le socair agus le h-irisleachd a bhuineadh do dhaoinibh rannsuchadh mun phuinc so. Oir tha moran le dith so, a dol ga ionnsuidh gun fhios aca carson. Ghuidhinn uime sin air gach neach a dh’fhaodas a bhi air a luasgadh mun ni so, agus air gach neach a leughas na briathran, uine ghabhail gu smaointeachadh, agus a ghuidheadh gum biodh an Tighearna le a Spiorad ga threoruchadh a dh’ionnsuidh gach uile fhirinn agus gu eolas air an t-slighe sin mu’m bheil e air a radh, “Si so an t-slighe agus gluaisibh innte:” Cha ’n urrainn neach sam bith a radh, gum bheil briathran searbh, beadaidh, na sgallaiseach air an gnathuchadh aon chuid leis an ughdar na leis an Eadar-[t]heangair; ach briathran na firinn agus na ceille. Oir an uair a theid daoine dh’ionnsuidh so, ’s ann a tha iad [a] deanamh dimeas orra fein, an aite a dheanamh air [d]aoinibh eile. Uime sin, tha sinn an aghaidh an [s]pioraid so, co air bith an taobh air an taisbeanar e. [TD 16] SEARMOIN. ESAIAIS lxv. 23. “Oir is iad siol dhaoine beannuichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu.” THA briathran a chinn-theagaisg air an toirt fainear anns a cho-cheangal sam bheil iad a seasamh, gu soilleir a ’g amharc ri linn an t-soisgeil. Tha iad, uime sin, aig roimh-innseadh, agus a dearbhadh buanachadh a cheangail eaglais fhaicsinneach agus le ughdaras neamhaidh a tha eadar creidmhich agus an sliochd fuidh fhrithealadh an t-soisgeil, agus a bha ann ’nuair a chaidh an scriobhadh. Is e tha aig an t-searmoin a leanas anns an amharc a dhearbhadh gun robh an ceangal-eaglais faicsinneach eadar creidmhich agus an sliochd air a chur air chois o thoiseach, agus gun robh e air a ghiulan air aghaidh fuidh gach frithealadh do dhiadhachd fhoillsichte. Agus ma dh’fhaodar fhagail soilleir gun robh a leithid do cheangal ann o thoiseach na h-eaglais, agus gu bheil e nis ann; na ann am briathraibh eile, gun robh leanabana nan creidmheach fuidh gach frithealadh roimhe so nam buill do dh’eaglais De, agus gum bheil iad mar sin fuidh’n fhrithealadh a ta lathair, an sin leanaidh e, nach urrainn aon aobhar a bhi air a thoirt air aghaidh carson nach biodh an ceangal ris an eaglais air aideachadh le ordugh a bhaistidh, co maith ris a sin aig creidich a tha air teachd gu h-aois. Air [a] chothrom a ta lathair cha’n’eil a run oirn seasamh ai[r] na fiachaibh a tha ceangailte air creidich agus air a[?] sliochd, mar a tha sruthadh o’n ceangal-eaglais; n[a] [TD 17] [Taobh-duilleig 16 san leabhar fhèin] dol a stigh anns a chonnsuchadh eadar sinn agus ’ar cairdean do na Baistich mu thimchioll modh a bhaistidh: cha’n’e gu bheil a cheud phuinc air bheagan cudthrom, na gu bheil an te mu dheireadh do sheasamh; ach amhain, a chionn gun gabh e an t-iomlan do’n uine is urrainn a bhi air a chuir air leth do dh’aon searmoin, an cuspair a tha gu sonruichte san amharc, a dhearbhadh agus a shoilleireachadh; ni is e, gum bheil naoidheana nan creideach nam buill do dh’eaglais fhaicsinneach Dhe. Tha e fior, gum bheil creidich air teachd gu h-aois nam buill mar an ceudna, agus gur coir dhoibh uaithe so bhi air an aideachadh le baisteadh, mar a robh iad air an gabhail a stigh chum an orduigh nan naoidheanaibh, ach cha’n’eil feum air briathran a chosd air puinc mu bheil muinntir a cordadh. Cha’n’eil an connsuchadh mu thimchioll creidich air teachd gu h-aois, ach mu naoidheana nan creideach: tha aon taobh a’g aicheadh gu bheil an leithide sin do shliochd nam buill do’n eaglais fhaicsinneach, na gu bheil coir sam bith aca gu bhi air an aideachadh mar gum biodh iad ceangailte rithe le baisteadh; agus tha an taobh eile a dearbhadh gu bheil, agus ann an lorg iad a bhi nam buill, gu bheil coir aca bhi air am baisteadh. Tha’n t-iomlan do neart a chonnsachaidh a luidhe anns a cheist so— “Am bheil na nach’eil, naoidheana nan creideach nam buill do dh’eaglais Chriosd?” Ma tha iad, an sin tha chleachduinn a bhi gan aideachadh nam buill le baisteadh a reir na firinn, agus tha iadsan a tha diultadh an orduigh so a fhrithealadh da’n leithid so do shliochd, a buanachadh ann an dearmad air dleasnas a tha air aithneadh, co maith ri sochair chudthromach agus ro eifeachdach. Mar’eil iad, an sin tha aideachadh an leithide sin do shliochd a bhi nam buill gun a bhi reir na firinn; agus tha iadsan a tha deanamh mar sin ciontach do dh’aoradh fein thoile, agus ann a bhi frithealadh ordugh Chriosd dhoibhsan aig nach bu choir aon chomhara faicsinneach do cheangal a bhi aca ra rioghachd-san. Tha sinn suidhichte nar beachd, gu bheil a bhi diultadh naoidhean nan creideach aideachadh a bhi nam [TD 18] [Taobh-duilleig 17 san leabhar fhèin] buill do’n eaglais calg dhireach an aghaidh na firinn, agus uime sin cha’n urrainn sinn gu cothromach na gu coguiseach a mhiannuchadh gu ’m buadhaicheadh a chleachduinn so. Ach gu cinnteach s’ eigin do’n fhear-thagraidh is teotha airson baisteadh naoidheana nan creideach aideachadh, gu bheil lionmhoireachd a tha air an taobh so do’n cheist,—eadhoin do pharanta urramach agus diadhaidh, a toirt an cloinne air an aghaidh dh’ionnsuidh an orduigh so na’s mo o’n chleachduinn a tha rioghachadh gu coitchionn, na ’o dhearbhadh soilleir agus suidhichte nan inntinnibh, gu bheil iad a toirt umhlachd do thoil Chriosd, agus a dol air an aghaidh a reir ughdarais agus aithne-san. Tha aig a bhi druideadh a mach naoidheana nan creideach o’n eaglais tionndadh nadurra a thoirt air ministeirean, agus air sluagh a tha gabhail na doigh eile, air an tuilleadh aire thoirt do nadur orduigh a bhaistidh, an t-ughdaras air am bheil e seasamh, agus na fiachan a tha e leagadh araon air parantaibh agus air cloinn, na dheanadh cuid dhiu maith a dh’fhaoidte, mar a bhi so. Agus ma ’s e so a bhuaidh choitchionn aige, tha aobhar mor agus maith againn gu gairdeachas a dheanamh; ged a tha daoine ann nach’eil, agus nach robh riamh, air an steidheachadh gu ceart ann an eolas agus ann an creidimh mu’n chleachduinn a tha buadhachadh agus a tha reir na firinn, a ’g atharachadh am beachdanna, trid aineolais air na riaghailtean a bha iad a ’g aideachadh roimhe, agus na lorg sin neo-chomasach air na h-argumaidibh dealbhach a fhreagairt, a bha, agus a tha fathast air an toirt nan aghaidh le luchd-cumail suas na riaghailt sin a tha ’g aicheadh do naoidheana nan creideach an comharadh, nan seula is lugha do cheangal faicsinneach ri eaglais an Tiomnaidh Nuaidh. Faodaidh e bhi freagarach aon ni eile chur sios mu’n tionnsgainn sinn air dearbhadh a cheangail-eaglais a tha seasamh eadar creidich agus an sliochd; agus is e so e, ged a tha sinn a beachdachadh gu bheil eachdrui na ceud eaglais re iomadh ceud bliadhna an deigh linn nan abstol a toirt an dearbhaidh is iomlaine, agus is cumhachdaiche gun robh naoidheana luchd- [TD 19] [Taobh-duilleig 18 san leabhar fhèin] aidmheil diadhachd an sin air an aideachadh nam buill eaglais le baisteadh; gidheadh cha’n’eil a mhiann oirn air an am so dol a dh’ionnsuidh scriobhainnibh nan aithrichean,* na dh’ionnsuidh scriobhaidh aon do na daoinibh sin air a phuinc so, nach robh fuidh dheachdadh an Spioraid, ach bhur toirt chum an lagha agus chum na fianuis—chum an t-Seann Tiomnaidh, agus an Tiomnaidh Nuaidh: oir, mar urrainn ceangal eaglais eadar creidich, agus an sliochd a bhi air a dhaighneachadh o’n steidh so, tha sinn a toirt duil deth a bhi air a dheanamh le fianuis duine.—Le dearbhadh a cheangail-eaglais a tha eadar creidich agus an sliochd a tharruing gu h-iomlan o bhriathraibh na firinn, bithidh cothrom agaibh breith a thoirt air bhur son fein, co aca bhios na theid a thoirt air aghaidh, a reir inntinn Dhe na nach bi. Uime sin is e’n ni a tha sinn a tairgse a dhaighneachadh gu’m b’iad creidich anns na h-uile linn do’n eaglais, agus ann an linn nan abstol siol faicsinneach dhaoine beannuichte an Tighearna agus an sliochd maille riu; na ann am briathraibh eile, gun robh creidich agus an sliochd riamh, gu bheil iad a nis, agus gur eigin dhoibh am feasd a bhi, gu deireadh aimsir, air an toirt fainear mar bhuill fhaicsinneach do dh’eaglais De.—Ma bhios a phuinc so air a daighneachadh, an sin is e’n ni a shruthas uaipe, gu bheil daimh fhaicsinneach aig naoidheana nan creideach ri Criosd, agus coir aca bhi air am baisteadh; ach mar’eil so air a dhearbhadh, an sin tha sinn a failneachadh ann am feuchainn gu bheil daimh sam bith fhaicsinneach aig an leithid sin do shliochd ri Criosd, na coir sam bith aca bhi air am baisteadh na ainm.—Tha mhuinntir a tha ’nar n-aghaidh a’g aideachadh gu bheil creidich nam buill do dh’ eaglais Chriosd, agus gum bu choir dhoibh bhi air am baisteadh:— air a phuinc so tha sinn a cordadh. Tha iadsan a’g aicheadh gu bheil naoidheana nan creideach nam buill do dh’eaglais Chriosd, agus na lorg so a cathachadh nach bu choir dhoibh bhi air am baisteadh: * Faic an Cuir ris aig an litir A. [TD 20] —air a phuinc so tha sinn a’g eadar-dhealuchadh. Is e so an ni a tha dhith orra sinne ga dhearbhadh, agus a dh’ionnsuidh am bheil sinn a nis a dol air ’ar n-aghaidh.—Tha iadsan a cur an ceill, nach ’eil naoidheana nan creideach nam buill do’n eaglais fhaicsinneach. Da so tha sinne freagairt, nach robh e mar sin o thoiseach, fuidh fhrithealadh Abrahaim—na mar sin fuidh fhrithealadh Mhaois—na mar sin fuidh rioghachadh Mhesiais ri linn nan abstol. Thugaibh fainear uime sin, I. Nach robh naoidheana nan creideach air an druideadh amach o’n Eaglais fuidh fhrithealadh Adhaimh. Riamh o thuiteam an duine, agus o chuir an ceill trocair trid siol na mnatha, an Tighearn Iosa Criosd, bha eaglais fhaicsinneach anns an t-saoghal. An deigh do ghealladh, Fir-saoruidh a bhi air a thoirt do Adhamha agus do Eubha, agus an deigh dhoibh an dochas a shuidheachadh tre chreidimh anns an t-siol a bha air a ghealltuinn, b’ iadsan nan dithis a rinn a suas ceud eaglais Dhe. Bha Cain an ceud ghin mic na bhall do’n eaglais gus an d’rinn e le e dhiultadh an iobairt orduichte thoirt suas, a dhearbhadh gun robh e as eugmhais creidimh anns a Mhesias a bha air a ghealltuinn. Le mhi-chreidimh, agus easumhlachd do dh’aithne Dhe, ghearr se e fein amach o’n eaglais, agus bha e air a chuir air cul le Dia; am feadh a bhuanaich a bhrathair Abeil na bhall do’n eaglais gu ruig a bhas.—Ach faodaidh e bhi air a radh, nach’eil an so uile ach briathran amhain, gun dearbhadh sam bith o’n fhirinn. Bithidh e air aideachadh gu h-ullamh, gum b’iad Adhamh agus Eubh luchd-aoraidh aidmheileach an De fhior; ach, air dhoibh clann a ghintinn nan coslas truaillidh fein, faodaidh e bhith, nach aontaichear leis co ullamh gun robh an leanaban ann an daimh riu a thaobh ceangal-eaglais. Ach cia mar air bith a tha sin, bithidh e, agus is eigin gum bi e air aontachadh leis, gun robh an coimh-cheangal a rinn Dia ri Abraham, agus a tha air a chur sios anns an t-seachdamh caibideal deug do leabhar nan Ginealach, a gabhail a stigh ann Abrahaim agus a shliochd. Tha so co soilleir ’s is urrainn cainnt a dheanamh: “Agus daingnichidh mi mo cho-chean- [TD 21] gal eadar mis’ agus thusa, agus do shliochd a’ d’ dheigh, ’nan ginealachaibh, mar choi’-cheangal siorruidh gu bhi m’ Dhia dhuitse agus do d’ shliochd a’ d’ dheigh,” Gin. xvii. 7. Nach b’ fhior choi’ cheangal aimsireil a bha ’n so, ach aon a bha gabhail a stigh ann an iomlan do bheannachdan spioradal co maith ri beannachdan aimsireil ann an Iosa Criosd, bithidh e air fheuchainn na ’s ro iomlaine fuidh ’n dara ceann aig an t-searmoin. Aig an am cheudna, threoruichamaid ’ur n-aire dh’ionnsuidh earrann shoilleir do ’n Scriobtuir, ni, ged nach biodh aon dearbhadh eile againn, a tha iomlan agus lan-fhoghainteach gu chomhdach gum b’e coi’-cheangal siorruidh soisgeil Dhe, a rinn agus a dhaighnich e ann an Criosd, roimh leagadh bunaite an domhain. Tha ’n earrann do ’n fhirinn a tha againn san amharc ann an Gal. iii. 16—18. “A nis is an do Abraham a thugadh na geallanna agus do shiol. Ni ’n abair e, Agus do shioltaibh, mar gu’m biodh e labhairt mu mhoran; ach mar mu aon, Agus do d’ shiolsa, neach is e Criosd. Agus a deiream so, nach fhaodar gu ’n cuir an lagh, a thugadh an ceann cheithir cheud agus dheich bliadhna fichead ’na dheigh an coimh-cheangal an neo-brigh, a dhaighnicheadh roimhe le Dia ann an Criosd, ionnus gun cuireadh e an gealladh air cul: Oir ma ’s ann o’n lagh a ta an oighreachd, cha ’n ’eil i ni ’s mo o’n ghealladh: ach thug Dia gu saor i do Abraham tre ghealladh.” A ’nis bithidh e deacair, seadh, neo-chomasach fheuchainn gun do dhaighnich Dia riamh coi’-cheangal sam bith ann an Criosd, saor ’o choi’-cheangal an t-soisgeil, air am bheil esan, agus cha ’n ’eil air aon eile, na Eadar-mheadhonair, agus ni, ann an coimh-lionadh na h-aimsire, a rinn e dhaighneachadh le bhas. Chreid Abraham ann an geallanaibh a choimh-cheangail so; mheasadh a chreidimh dha mar fhireantachd; agus mar so rinneadh e na oighre air a Chanaan neamhaidh, na an oighreachd: “Agus ma ’s le Criosd sibh, is sibh siol Abrahaim gun amharus, agus is oighreachaibh sibh a reir a gheallaidh,” Gal. iii. 29. Bha ’n coimh-cheangal air a dheanamh ri, na air fhoillseach- [TD 22] adh do Abraham, Gin. xii. 3. xv. 5, 6. xvii. 4, 5. agus xxii. 18. Anns a cheud aon do na h-earrannaibh sin, tha Dia ag radh ri Abraham; “Agus annadsa beannuichear uile theaghlaiche na talmhainn:” Anns an dara; “Amhairc a nis suas gu neamh, agus aireamh na reulta, ma ’s urrainn thu ’n aireamh: Agus thuirt e ris, Mar so bithidh do shliochd. Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar fhireantachd.” Anns an treasa, “Do m’ thaobhsa feuch a ta mo choi’-cheangal riutsa, agus bithidh tu a’ t’ athair mhorain chinneach. Agus ni ’n toirear a so a mach Abram mar ainm ort, ach bithidh Abraham agad mar ainm: oir rinn mi thu a t-athair mhorain chinneach.”—Anns a cheathramh, “agus beannaichear ann a d’ shliochd-sa uile chinnich na talmhainn.” A nis, tha ’n t-abstol a deanamh fianuis gu soilleir, anu an dol a dh’ ionnsuidh na ceud agus na te mu dheireadh do na h-earrannaibh sin, (Gal. iii. 8.) gun robh coimh-cheangal an t-soisgeil air a dheanamh ris, na air a shearmonachadh, do dh’ Abraham, leis na briathraibh sin, “Agus beannaichear ann a d’ shliochd-sa uile chinnich na talmhainn.” Tha e gu soilleir a deanamh fianuis, le dol a dh’ ionnsuidh na dara, (Rom. iv. 2, 3. Gal. iii. 6.) gun robh Abraham air fhireanachadh tre chreidimh ann an coi’-cheangal an t-soisgeil, ’nuair a chreid e facal an Tighearna, gum biodh a shliochd mar na reulta ann an aireamh. Agus tha e gu soilleir a deanamh fianuis, le dol a dh’ ionnsuidh na treasa, (Rom. iv. 17, 18. a tha mar an ceudna a daighneachadh na fianuis air thoiseach air a so,) gun robh Abraham air a dheanamh na athair mhorain chinneach, trid creidimh, a reir brigh coi’-cheangail an t-soisgeil. A nis, cha’n’eil sinn a smaointeachadh gur urrainn na Scriobtuirean labhairt na ’s dearbhta na na ’s soilleire, gum b’e ’n coi’-cheangal a rinneadh ris, na ’n gealladh a thugadh do Abraham, anns gach earrann do na chaidh ainmeachadh, sa tha ra ’m faotainn ann an leabhar nan Ginealach, an t-aon ni, agus an ni ceudna, agus nach bu ni eile e na coi’-cheangal an t-soisgeil. Ni mo is urrainn dhuinn a shaoilsinn e bhi comasach [TD 23] do neach sam bith a leughas na h-earranna sin, tighin gu comh-dhunadh eadar-dhealuichte, ach neach a tha deidheil air coi’-cheangail eadar-dhealuichte dheanamh dhiu, air sga riaghailt ghradhach eigin; an t-eagal ’s gun deanadh aideachadh gur iad an t-aon ni agus an ni ceudna, comhdach gus an riaghailt sin a thilgeadh bun os cionn. Ach ciod air bith an drughadh a dh’fhaodas a bhi air a dheanamh air an inntinn le ’n leughadh, gu cinnteach cha bu choir do fhianuis shoilleir agus shuidhichte abstoil a bha fuidh threoruchadh an Spioraid ann am mineachadh gach earrainn dhiu sin, a bhi air a cur ann an teagamh. A nis bho ’n coi’-cheangal so air a dheanamh ri Abraham ceithir cheud agus deich bliadhna fichead mun robh aon chuid lagh nam modhanna na nan deasghnath air a thoirt le Maois; bha e air dhaighneachadh le Dia ann an Criosd, b’e ’n soisgeul leis an robh Abraham air a shaoradh trid e chreidsinn, ann, agus na lorg sin b’e ’n steidh air an robh eaglais an De bheo air a togail o thoiseach, agus uime sin ni ’m bheil e comasach gun dean lagh na modhanna, nan deasghnath, na lagh sam bith eile, an gealladh so chuir air cul. Air an aobhar sin, is mearachd sonruichte a smaointeachadh gum buineadh an coi’-cheangal so gu buileach do fhrithealadh Mhaois, a bha gu bhi air a chur air cul na gun do thoisich e ’mhain ceithir cheud agus deich bliadhna fichead roimh ’n fhrithealadh sin; oir bha e air a dhaighneachadh le Dia ann an Criosd o shiorruidheachd, agus bha e air fhoillseachadh ann am brigh do Adhamh, do Abel, do Noah, agus do na h-uile air an robh eagal ainme Iehobhaibh, ’o thoiseach an t-saoghail gu am Abrahaim. Is e suim agus brigh a choi’-cheangail so a bha, agus a ta air a dheanamh ris na h-uile fior-chreideach, bithidh mi ann am Dhia dhuit agus do d’ shliochd; agus gealladh na bu mho na so cha b’ urrainn Dia a dheanamh do dhuine—oir tha ’n gealladh so a ceangal Iehobhah gu thoirt da eaglais gach beannuchadh spioradail agus aimsireil, co fada sa dh’ fhaodas so bhi chum a ghloir, agus maith a shluaigh taghta ris am bheil e ann an coi’-cheangal. Uime sin, cha bu choi’-chean- [TD 24] gal nuadh aig nach robh bith riamh roimhe, a bha air a dheanamh ri Abraham, ach an t-aon ceudna, a bha air a dhaighneachadh roimhe le Dia ann an Criosd, agus air fhoillseachadh da ’r ceud sinnsiribh anns na briathraibh sin, “Bruthaidh siol na mnatha ceann na nathrach.” Cha bu lagh ur aig nach robh bith riamh roimhe, lagh na modhanna a thugadh le Maois, ach ’s ann a bha ann lagh siorruidh na fireantachd aig Dia; na, ann am briathraibh eile, an seana choi’-cheangal a bha air a dheanamh ri Adhamh, agus ra shliochd uile anns an, agus a bha uime sin a mhain air ath-chur an ceill le Maois do na h-Israeilich air Sliabh Shinai, air an amhuil cheudna, cha robh anns a choi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham, ach amhain ath-nuadhachadh na ath-chur an ceill air coi’-cheangal nuadh agus siorruidh an t-soisgeil, a dhaighnich e ann an Criosd, a dh’ fhoillsich e da ’r ceud sinnsir an deigh dhoibh tuiteam, agus a dh’ fhalaich e na uchd fein o shiorruidheachd gu ruig an t-am sin. Le tuilleadh mor iomchuidheachd uime sin dh’ fhaodadh daoine riasonachadh gum b’e lagh na modhanna a bha air a thoirt le Maois ceithir-cheud agus deich bliadhna fichead an deigh coimh-cheangal Abrahaim gu buileach earrann do fhrithealadh Mhaois, a bha air a thoirt as an rathad, agus nach robh ceangailte air muinntir na b’ fhaide gu bhi umhal dha ar deigh bais Chriosd, na bhi cathachadh gun d’ rinn an coi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham an uiread do cheudaibh bliadhna roimh ’n fhrithealadh a suas earrann dheth, agus gun robh e air fas aosda agus air dol as an t-sealladh aig toiseach frithealadh an t-soisgeil. Uime sin, tha sinn a smaointeachadh, gun deachaidh gu leoir a radh a dhearbhadh gu’m b’e ’n coi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham coi’-cheangal an t-soisgeil, a dhaighnich e roimhe ann an Criosd ann an comhairle na siorruidheachd, agus a dh’ fhoillsicheadh do Adhamh trid a gheallaidh, “Bruthaidh siol na mnatha ceann na nathrach? Ma b’e uime sin, an coi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham an ni ceudna, ann an nadur, agus ann am brigh, ris a choi’-cheangal a rinn e ri Adhamh na [TD 25] staid thruailte, an sin leanaidh e gu soilleir, gun do gheall Dia do Adhamh a bhi na Dhia dhasan, agus da shliochd na dheigh, nan uile ghinealachaibh, gu deireadh aimsir; agus na lorg sin, gun robh naoidheana ar ceud sinnsir creideach ann an coir fhaicsinneach air beannachdaibh a choi’-cheangail so, agus uime sin, ann an daimh fhaicsinneach ann an ceangal-eaglais ra ’m parantaibh, gus an rachadh iad an dara cuid uatha fein a mach, na gus am biodh iad air an tilgeadh a mach ’o shluagh Dhe, airson an anacreidimh agus an aingeachd fhollaiseach fein.—Tha e’g amharc cosmhuil ’o eachdrui na firinn, gun deachaidh Cain an deigh a bhrathair a mhurt, “a mach o lathair an Tighearna;” is e sin, dh’fhalbh e o chuideachd agus o chomh-chomunn sluagh Dhe, am measg an do ghabh Dia comhnuidh; do bhrigh nach bu taitneach leis eolas De a chumail;” agus b’e so toiseach rioghachd fhollaiseach agus aidmheileach an diabhoil anns an t-saoghal, air a cuir suas an aghaidh rioghachd Chriosd. Bha sliochd Chain, agus na h-uile bha air an gearradh air falbh o’n eaglais fhior, na threig i, co fada sa bhuanaich iad nan staid neo-aithreachail, air an ainmeachadh nam mic, agus nan nigheana dhaoine; am feadh a bha na h-uile a bha gu faicsinneach air an ceangal ris an eaglais fhior, air an ainmeachadh nam mic, na nan clann Dhe. Anns an rann mu dheireadh do’n cheathramh caibideal do na Ginealaich, tha e air a radh, “An sin thoisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna:” A’ nis, tha e soilleir, gun do thoisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna fada roimh an am sin. Be’n t-eadar-theangachadh bu choir a bhi air briathraibh na ceud chanain, “An sin thoisich iad ri gairm dhaoine le ainm Iehobhaih;” is e sin, thoisich luchd eagail an Tighearna, na buill na h-eaglais fhaicsinneach, an deigh dealachaidh Chain uatha, agus breith Sheith agus Enois, gu bhi air an ainmeachadh le ainm an Tighearna, na gu bhi air an gairm nam mic do Iehobhah, chum an eadar-dhealuchadh o Chain, agus o shaoghal mi-chreideach, ris an robh mic dhaoine air a radh, agus a dhearbh le’n gluasad peacach, agus le’n [TD 26] dol amach o’ mheasg sluagh Dhe, nach robh iad gu faicsinneach air an uchd-mhacachadh da theaghlach. Tha e soilleir gum bi inntinn an Tighearna o thoiseach, gun deanadh luchd-eagail ainme-san posadh na aonadh ri cheile, amhain anns an Tighearna. Tha so a cordadh ri reusan co maith sa tha e ris na scriobtuiribh; oir cha’n urrainn ceangal co dluth agus co eolach a bhi sona, na’s lugha na bhios aonachd inntinn, agus beachdanna ann; gu h-araid ann an daimh ri nithibh siorruidh; agus bha cion toirt fainear dha so, na mhathair-aobhair thorrach aig moran truaighe do’n eaglais anns gach linn, agus fuidh gach frithealadh. Air do’n eaglais fuidh fhrithealadh Adhaimh an riaghailt so a dhi-chuimhneachadh, dh’ fhas i gu luath na h-aon mheall truailleachd. “Chunnaic mic Dhe,” (tha e air innseadh dhuinn,) nigheana dhaoine gun robh iad sgiamhach, agus ghabh iadh dhoibh fein mnai do gach uile a roghnaich iad;” is e sin, thoisich buill na rioghachd fhaicsinnich aig Dia, air posadh agus air toirt am posadh am measg na rioghachd fhaicsinnich aig Satan, agus b’e ’n ni a shruth uaithe so, truailleachd iomlan a a chinne-daonna, a chriochnaich ann an leir-sgrios an t-seann t-saoghail le tuil uisgeachan, saor o Noah agus a theaghlach, ni sann na shliochd a bhuanaich an eaglais fhior gu laithibh Abrahaim, ged nach ’eil againn ach beag fiosrachaidh air an fhior eachdrai aice o’n tuil gu gairm a phriomh-athair so. Gun robh eaglais fhaicsinneach Dhe air a truailleadh gn truagh agus gu h-eagalach fuidh fhrithealadh Adhaimh, cha’n’eil aon teagamh againn; ni mo se tha againn san amharc seasamh as leth a truailleachd ann an linn air bith, na fhrithealadh sam bith; ach a chur an ceill ciod mar bu choir do’n eaglais a bhith, cha ’n e ’n ni a bha i da rireadh, Ach a dh’aon ni, cha’n’eil e sealltuinn cosmhuil gun d’rinn naoidheana nan creideach a thaobh a bhi ceangailte ris an eaglais, a suas earrann sam bith do’n truailleachd aice. Gun robh bith aig ceangal-eaglais eadar luchd-aidmheil a chreidimh agus an naoidheana o thoiseach, tha sinn a smaointeachadh gur gann a bhios e air aicheadh, mar is lugha [TD 27] cha’n urrainn dearbhadh a bhi air a thoirt na aghaidh: tha na h-uile ni a sealltuinn cosmhuil ri bhi air a thaobh, agus gun ni sam bith na aghaidh ann an eachdrai choitchionn na h-eaglais, mar a tha i air a faotainn anns na scriobtuiribh naomha; am feadh a tha’m foillseachadh lan-iomlan agus soilleir do dh’Abraham mu choi’-cheangal an t-soisgeil, a bha air a dhaighneachadh roimhe le Dia ann an Criosd, agus air an robh an eaglais air a steidheachadh anns gach linn, a comhdach, tha sinn a smaointeachadh le lan-dearbhadh, gun robh sliochd buill fhaicsinneach na h-eaglais, maille riu fein, air an ainmeachadh, “nam mic Dhe,” gus an deachaidh iad aon chuid amach, na bha iad air an gearradh air falbh o’n eaglais, airson am mi-chreidimh agus an aingeachd fhollaiseach. Ma bhios e air aideachadh gun robh naoidheana luchd-aidmheil air an toirt fainear mar mhuinntir ceangailte ris an eaglais fuidh fhrithealadh Adhaimh, an sin tha tosd an Scriobtuir air a phuinc so gu mor na’ s mo na air a cheangal aig an leithidibh sin do chloinn ris an eaglais a nis; agus, uime sin, tha eas-cordadh buileach ann an aideachadh gun robh ceangal-eaglais a seasamh an sin eadar creidich agus an sliochd, nach’eil an ni is lugha a dheth seasamh a nis. Air an laimh eile, ma bhios e air a chuir an ceill, nach robh a leithid idir do cheangal-eaglais ann, leanaidh e, gun robh naoidheana nan creideach air an druideadh a mach o’n eaglais, agus o’ na h-uile coir fhaicsinneach ann an coi’-cheangal an t-soisgeil o linn Adhaimh gu Abraham, gun robh iad o’n am so air an suidheachadh anns an eaglais gu laithibh Chriosd: agus gun robh iad a ris air an gearradh air falbh o’n eaglais fuidh fhrithealdh Mhesiais! Deanadh iadsan da’n urrainn so a chreidsinn mu thimchioll comhairle na Ti sin a tha neo-chriochnach ann an gliocas, agus a tha gun atharachadh gun sgaile tionndaidh. Is e’n ni a th’ann, ciod air bith an comh-dhunadh gus an d’thig’ar braithribh air an taobh eile, a thaobh na staid fhaicsinneach aig sliochd na muinntir a bha ’g aideachadh eagal De roimh laithibh Abrahaim, [TD 28] ’s eigin dhoibh a bhi air an amladh ann am breislich, as am bi e eucomasach dhoibh iad fein fhuasgladh. Ach, air dhuinn a bhi meas gu bheil lan ughdaras againn gu chomh-dhunadh gum bheil creidich agus an sliochd fuidh fhrithealadh Adhaimh gu beachdachadh orra mar mhuinntir a bha ann an daimh fhaicsinneach a thaobh ceangal-eaglais; tha sinn a g’ aideachadh gu saor gu bheil sinn a tarruing a chomh-dhunaidh so o choi’-cheangal Abrahaim anns am bheil an fhirinn so, agus an dearbhadh aice, a dearsadh amach le dealradh soilleir agus dearbhta, a tha leigeadh ris dhuinn na steidh dhiongmhalta, air a dheadh-shuidheachadh anns gach ni agus cinnteach;” air an do sheas an eaglais o thoiseach; agus a tha sgapadh gach neul, sgaile, agus dorchadas, a rinn dubhar a chuir air ’ur sealladh mu fhior staid ann am madainn a chruthachaidh aige. Ni mo ’s nar leinn aideachadh, gu bheil sinn a gabhail seallaidh do’n cheud eaglais le solus a ghabhail agus a tha dealradh air ais o fhrithealadh Abrahaim, na ’s mo na ghabhas ar gruaidh rughadh aideachadh gu bheil bas Chriosd a tilgeadh soluis agus dealraidh air ais air gach frithealadh a chaidh seachad, a fuadach air falbh an dorchadais anns an robh iad uile beag na mor air an ceangal suas, agus a feuchainn dhuinn, gur ann trid creidimh ann am fuil Emanueil, anns am bheil an t-iomlan do na geallanna nan seadh, agus nan amen, gun d’rinn Dia o thoiseach fhireantachd a chuir an ceill, fhoillseachadh cia mar a dh’ fhaodadh e bhi cothromach, agus na fhear-fireanachaidh air an ti a chreideas ann an Iosa; agus cia mar a b’urrainn dha gu cothromach e fein a thoirt fuidh ghealladh gu bhi na Dhia da shluagh, agus da’n sliochd, anns na h-uile linn.—Thugaibh fainear uime sin, II. Nach robh naoidheana nan creidach air an druideadh a mach o’n Eaglais fuidh fhrithealadh Abrahaim. Mar dhearbhadh air a so, faicibh leabhar nan Ginealach anns na h-earrannaibh a leanas; xii. 1—3. agus xv. 1—5. mar ann an coimh-cheangal ris an xvii. 1—14; earrannaibh a tha gach aon diu a buntuinn ris an [TD 29] aon choi’-cheangal agus ris a choi’-cheangal cheudna, se sin ri radh, an coimh-cheangal a dhaighnicheadh le Dia roimhe ann an Criosd, mar a dh’fheuch sinn cheana. B’e suim agus brigh a choi’-cheangail so, gum biodh Dia na Dhia do Abraham, agus da shliochd na dheigh, nan ginealachaibh uile gu deireadh aimsir; agus fadheoidh an gabhail a stigh da rioghachd ann an gloir: is e sin, gheall e thoirt do chreidich agus da’n sliochd na h-uile beannachadh spioradail agus aimsireil air talamh; co fada sa bhiodh so chum a ghloir fein agus am maith-san; agus an deigh bais, an spioradan dealuichte a dheanamh sona; an cuirp a thogail o na marbhaibh, an ath-aonadh ra’n anamannaibh, agus an sin an t-iomlan da’n nadur a ghloruchadh gu siorruidh. B’e so suim, agus brigh a choi’-cheangail, do bhrigh gu bheil sinn cinnteach gun robh an soisgeul air a shearmonuchadh do dh-Abraham trid a choi’-cheangail so, agus is e suim agus brigh an t-soisgeil gealladh do chreidich, agus da’n sliochd gum bi Dia na Dhia dhoibh a nis agus gu siorruidh. Tha na Baistich a ’g aideachadh gun robh an coi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham a gabhail a stigh a shliochd ann; ach, anns a choitchionn, tha iad a’g amharc air mar choi’-cheangal ducha agus aimsireil, ni na ulluchadh agus na gheallannaibh nach e mhain gun robh coir fhaicsinneach aig uile ghineil Israeil, na ’n t-iomlan do shliochd nadurra Abrahaim annta, ach mar an ceudna coir fhirinneach, ’nuair a tha iad aig an am cheudna a’g aicheadh gur e coi’-cheangal an t-soisgeil. A mheud dhiu sa tha ’g aideachadh spioradalachd a choi’-cheangail so, agus a tha ’g aontachadh gur e coimh-cheangal nan gras; a tha gealltuinn do chreidich na h-uile beannuchadh spioradail agus aimsireil ann an Iosa Criosd, (ma tha Baistich ann a tha gabhail ris a so), riusan cha’n’eil connsuchadh sam bith againn, do bhrigh, ma dh’aontaicheas iad leis a so, agus gidheadh cul a chur ris a cheangal-eaglais a tha eadar creidich, agus an sliochd, ni dh’fheumas gu nadurra bhi ann, o ghne a choi’-cheangail fuidh gach frithealadh; tha sinn a meas gu bheil an cor as eugmhais [TD 30] dochais, agus a beachdachadh gum biodh oidhirp chum an toirt gu atharachadh beachd, co beag feum ri uisge dhortadh air an talamh chum a chruinneachadh a suas a rithist. Bhiodh e gu h-iomlan gun cheann gun chrioch freagairt a thoirt do na h-uile ni a chaidh a scriobhadh leosan a tha ’g eadar-dhealuchadh uainn, gu chomhdach gur e bh’ann an coi’-cheangal Abrahaim, coimh-cheangal ducha nach robh ri mairsinn ach car uine, agus ni h-e coimh-cheangal an t-soisgeil. Air an aobhar sin, ann an dol air ar n-aghaidh na’s faide fathast a dhearbhadh an ni a thuirt sinn ann an cur an neo-brigh na barail so, tha sinn le lan ghean maith a’g aontachadh, san dol seachad, gun robh seilbh aig an iomlan do chinneach Israeil gu faicsinneach, ged nach robh da reireadh, na bheannachdaibh: seadh, agus gun robh aig an t-saoghal uile, agus aig uile chinneach dhaoine, gun uiread is aon eadar-dhealachadh na cur air leth, a leth-char, ged nach robh a lan-char tairbhe trid a gheallanna; mar a bhios aobhar againn fheuchainn na dheigh so. Mar dhearbhadh gum b’e ’n coi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham coi’-cheangal an t-soisgeil, tha sinn a guidhe oirbh a thoirt fainear, gun robh aig am cuir an ceill a choi’-cheangail so do’n phriomh-athair, ainm air atharachadh—gun robh an coimh-cheangal so air a dheanamh ris fein agus ra shliochd spioradail amhain—agus gun robh an timchioll-ghearradh air a cheangal ris a choi’-cheangal so, mar a chomharadh na a sheula. 1. Aig am cuir an ceill a choi’-cheangail so do’n phriomh-athair, bha ainm air atharachadh. Roimh an am so bha Abram air a radh ris, ni a tha cialluchadh athair cinnich; ach, an deigh do’n choi’-cheangal so bhi air a dheanamh ris, bha Abraham air a ghairm dheth, ni a tha cialluchadh athair mhorain chinneach. “Do m’ thaobhsa, feuch a ta mo choi’-cheangal riutsa, agus bithidh tu a’ t’-athair mhorain chinneach: Agus ni ’n toirear a so amach Abram mar ainm ort, ach bithidh Abraham agad mar ainm; oir rinn mi thu a’ t’-athair mhorain chinneach,” Gin. xvii. 4, 5. A nis, nam b’e coi’-cheangal ducha amhain a [TD 31] bha ’n so ris a phriomh-athair, agus ra shliochd nadurra, carson a dh’atharaicheadh ainm o Abram gu Abraham? Carson a thugadh ainm dha, a tha buileach neo-fhreagarach do leithid do choi’-cheangal, agus na chomharadh air ni nach robh e runachadh na freagarach gu chialluchadh? Nach’eil e da rireadh tuaitheal, nach’eil e amaideach anns an tomhas is airde, so a chumail amach mar choi’-cheangal ducha, na cinnich; agus uaithe sin beachduchadh air Dia mar gun abradh e ri Abram; feuch tha mo choi’-cheangal riutsa, agus uime sin cha chialluich t-ainm na’s mo athair chinneach, ach athair mhorain chinneach!!! Cha bhiodh e comasach, le shaoilsinn gur coi’-cheangal ducha na cinnich a bha ann, ainm a chomharachadh amach a b’ fhaide o bhi freagarach. Nam be ainm a phriomh-athair o thoiseach Abraham, agus nan deanadh Dia coi’-cheangal ducha na cinnich a mhain ris, an sin chitheamaid co deas agus co freagarach sa bhiodh ainm atharachadh gu Abram. Ach gu dhearbhadh gun d’atharaich Dia ainm o Abram gu Abraham, airson a leithid sin do choi’-cheangal, cha’n’eil e na’s mo na na’s lugha na radh, gun d’thug Dia dha ainm a cialluchadh ceart-atharach brigh a choi’-cheangail; ann an canain shoilleir, a cialluchadh breige! Ach biodh Dia fior, agus gach duine a ghabhas do dhanadas cuir na aghaidh-san na bhreugaire. Cha d’thug e do’n phriomh-athair ainm a cialluchadh breige, ach na firinn, agus a freagairt do bhrigh a choi’-cheangail a rinn e ris, ni a b’e, annad-sa beannaichear uile theaghlaiche na talmhainn,” agus anns a bheachd so bha e sonruichte deas a radh, “Agus ni ’n toirear a so a mach Abram mar ainm ort, ach bithidh Abraham agad mar ainm; oir rinn mi thu a’ t’ athair mhorain chinneach:” Cha ’n ’eil an t-abstol Pol a ’g amharc air a phriomh-athair leis an ainm Abraham, na “athair mhorain chinneach,” airson coi’-cheangal ducha na cinnich, ach airson coi’-cheangal an t-soisgeil a bha air a dheanamh ris.—“Uime sin is ann o chreidimh a ta’n oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghras: chum gum biodh an gealladh daingean do’n t-siol uile, ni h-ann amhain dhoibhsan, a bhuineas do ’n lagh, ach [TD 32] mar an ceudna dhoibhsan, a bhuineas do chreidimh Abrahaim, neach is e ar n-athair-ne uile, (a reir mar a ta e scriobhta, Dh’orduich mi thu a’ d’athair mhorain chinneach,) na lathairse anns an do chreid e, eadhon Dia, a ta beothachadh nam marbh, agus a ta gairm nan nithe sin nach’eil idir ann mar gum biodh iad ann: Neach an aghaidh dochais a chreid an dochas, chum gum biodh e na athair mhorain chinneach; a reir mar a dubhradh, Mar so bithidh do shliochd.” Rom. iv. 16, 17, 18. Anns an Litir chum nan Galatianach, tha ’n t-abstol ceudna a cur an ceill anns an treas caibideal, o’n t-seachdamh gu ruig an ceathramh rann-deug, nach d’thainig beannachadh Abrahaim, na beannachadh athair mhorain chinneach air na Cinnich trid coi’-cheangal ducha an t-soisgeil.—“Uime sin, biodh fhios agaibh, an droing a tha do’n chreidimh, gur iad sin clann Abrahaim. Oir air fhaicinn roimhe do’n Scriobtuir gum fireanaicheadh Dia na Cinnich tre chreidimh, shearmonaich e an soisgeul roimh-laimh do Abraham, ag radh, Beannaichear na h-uile Chinnich annadsa. Uime sin, tha an droing a tha do’n chreidimh, air am beannachadh maille ri Abraham, fior chreidmheach. Oir a mheud ’s a ta do oibribh an laga, tha iad fuidh’n mhallachadh: oir a ta e scriobhta, Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta scriobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh: Ach is ni follaiseach, nach fireanaichear neach sam bith tre’n lagh am fianuis De: oir, bithidh am firean beo tre chreidimh. Agus cha’n’eil an lagh o chreidimh: ach, An duine a ni iad gheibh e beatha annta. Shaor Criosd sinne o mhalluchadh an lagha, air dha bhi air a dheanamh ’na mhalluchadh an lagha, air ar son: oir a ta e scriobhta. Is malluichte gach aon, a chrochar air crann: Chum gun d’ thigeadh beannachadh Abrahaim air na Cinnich trid Iosa Criosd; ionnus gu faigheamaid gealladh an Spioraid tre chreidimh.” Tha e fior, gum b’e Abraham gu litireil athair mhorain chinneach; ach is ann gu soilleir do na cinnich sin amhain da’n d’rinneadh e na athair tre chreidimh mu’m bheil Spiorad Dhe a labhairt, araon anns an t-Seann [TD 33] Tiomnadh agus anns an Tiomnadh Nuadh: agus uime sin, anns an doigh shamhlachaidh cheudna san robh e na athair do na cinnich sin, b’iad a shliodhd na chlann, le bhi sealbhachadh a chreidimh, agus a deanamh oibre. Tha na h-earrannan a chaidh a roimh ainmeachadh mar chomhdach air a so, si ar barail a toirt lan dearbhaidh as eugmhais reusonachaidh orra na uatha, gu’m bheil feum acasan a dh’ islicheadh an coi’-cheangal a rinn Dia ris a phriomh-athair, (nuair a dh’atharaich e ainm o Abram gu Abraham,) gu fior choi’-cheangal cinnich agus aimsireil mu bheannachdaibh talmhaidh, a bhi air an teagasg co fad sa bhuineas e do’n choi-cheangal so, ciod iad ceud-thoiseacha bhriathar Dhe a thaobh a naduir, a ruin, agus a shluaigh. 2. Bha ’n coi’-cheangal air a dheanamh ri Abraham agus ra shliochd spioradail amhain. Nuair a gheall Dia do ’n phriomh-athair a bhi na Dhia dha fein agus da shliochd na dheigh, nan ginealachaibh, bha’n gealladh air a dheanamh dha fein agus da shliochd spioradail amhain, ged a bha aig na h-uile da ghineil nadurra ann an teaghlach Isaaic agus Iacoib coir fhaicsinneach ann, gus an do ghearr siad iad fein dheth le mi-chreidimh follaiseach; agus ged a bha mi-chreidich do na h-uile cinneach a leth-char, ged nach robh a lan-char a faotainn-tairbhe trid a shochairibh. Gun robh an gealladh air a thoirt gu buileach do Abraham agus da shliochd spioradail, gu cinnteach bithidh fianuis aon do na h-abstoil naomha air a gabhail mar lan-dearbhadh. “A deiream an fhirinn ann an Criosd, nior dheanamh breug; air bhi do m’ choguis a deanamh fianuis domh san Spiorad naomh; gu bheil doilgheas mor orm, agus cradh air mo chridhe an comhnuidh (oir bha mi guidheadh gu’m bithinn air mo dhealuchadh o Chriosd,) airson mo bhraithre, mo luchd-daimh a thaobh na feola: A ta nan Israelich d’am buin an uchd-mhacachd agus a’ghloir, agus na coimh-cheangail, agus toirt an lagha, agus seirbhis De, agus na geallanna. D’am buin na h-aithriche, agus o’m bheil Criosd a thaobh na feola, a ta na Dhia os ceann nan uile, beannuichte gu siorruidh. Amen.—Cha ’n e gu [TD 34] bheil focal De gun eifeachd. Oir cha’n Israelich iadsan uile a ta o Israeil: Agus ni mo do bhrigh gur sliochd do Abraham iad, a ta iad uile ’nan cloinn: ach ann an Isaac ainmichear do shiol. Is e sin re radh, Cha’n iad clann na feola clann Dhe: is iad clann a gheallaidh a mheasar mar shiol:” Rom. ix. 1—9. Is i so gun teagamh, canain co laidir agus co soilleir sa tha e comasach a ghnathuchadh; agus tha i feuchainn gu soilleir, gum b’iad sliochd Abrahaim da’n do gheall Iehobhah a bhi na Dhia, gu buileach gineil spioradail a phriomh-athair, ged, nach robh comhara sam bith a chur dealuchadh eadar clann na feola o chlann a gheallaidh nuair a bha iad air am breith, mar sin bha aca araon coir fhaicsinneach anns a choi’-cheangal, agus air an aobhar sin, fhuair iad a chomhara agus a sheula. Is dearbhadh cothromach eile, gur ann ra shliochd spioradail, agus ni h-ann ra shliochd feolmhor a bha’n coi’-cheangal a rinn Dia ri Abraham, a tha againn ann an cuir air cul nan Iudhach mhi-chreideach o bhi air an gabhail a steach do thir Chanaain. “Ach co ris a bha diomb air re dha fhichead bliadhna, nach ann riusan a pheacaich, muinntir a thuit an colunnan anns an fhasach? Agus co iad d’an d’thug e a mhionnan nach rachadh iad a steach d’a shuaimhneas, ach dhoibhsan nach do chreid. Mar so chi sinn nach b’ urrainn iad dol a steach airson mi-chreidimh:” Eabh. iii. 17—19. A nis ma bha gealladh Chanaain, a bha na shamhladh air a Chanaan neamhaidh air a ghealltuinn do shliochd Abrahaim a reir na feola, an sin bhiodh e air ro bheag tuaiream do’n abstol a dhearbhadh gu’n d’rinn iadsan a thuit anns an fhasach, agus nach deachaidh a steach do thir a gheallaidh, tuiteam agus gun dol a steach ann airson mi-chreidimh; oir ma bha an gealladh air a thoirt do shliochd nadurra a phriomh-athair, gun ghuth air iad a bhi nan sliochd spioradail, na feola dha, an sin bha uiread choir aig an dream nach do chreid, agus a thuit an colunnan anns an fhasach air dol a stigh agus an tir a shealbhachadh, is a bha aig sliochd creideach Abrahaim; agus uime sin, le shaoilsinn gun robh an coi’-cheangal air a dheanamh ri Abraham agus [TD 35] ra shliochd a reir na feola co maith ra shliochd spioradail, ghabh an t-abstol gu buileach beachd mearachdach air an aobhar airson nach deachaidh na mi-chreidich sin a stigh do Chanaan, agus carson a bha’n colunnan agus an cnamhan air am fagail sgaoilte anns an fhasach gu gealachadh agus gu caitheadh as fuidh cheithir ghaothaibh an athair.—Ach faodaidh e bhi air a radh, an robh iad uile nam mi-chreidich an dream a thuit anns an fhasach? Cha’n’eil sinn idir a’g’radh gun robh: foghnaidh e do’n argumaid againne ma bhios e air aideachadh gun robh Canaan na shamhladh air neamh, agus gun deachaidh na h-Israelich a steach ann trid na coir cheudna leis am bheil na fior Israelich a dol a steach do neamh, sin ri radh, tre chreidimh; na gun robh iad air an druideadh amach as, airson an aobhair cheudna leis am bheil daoine aingidh air an druideadh amach a neamh, sin ri radh, airson am mi-chreidimh. A’nis, mur’eil na nithe sin air an aideachadh, cha’n urrainn dhuinn brigh sam bith fhaicinn anns an earrainn a chaidh ainmeachadh, na anns an earail a tha an t-abstol a steidheachadh oirre—“Uime sin biodh faitcheas oirn, air eagal air bhi do ghealladh dol a steach d’a shuaimhneas air fhagail againn, gun d’thigeadh aon neach agaibh a dheidh-laimh air:” Eabh. iv. 1. Ach faodaidh e bhi air a radh a rithist, nach deachaidh moran do’n t-sliochd mhi-chreideach, co maith ris an t-sliochd chreideach aig Abraham a steach ann, agus nach do mheal, iad tir Chanaain? Thachair sin: ach cha deachaidh iad a steach ann air steidh creidimh anns a ghealladh, ach le giulan leo, anns a cheart doigh sam bheil trid faighidinn Dhe an t-iomlan do’n t-saoghal mhi-chreideach air a chaomhnadh gu seasamh agus gu comhpairteachadh do bheannachdan aimsireil air sga eaglais Dhe, agus gus am bi an t-iomlan do’n mhuinntir thaghta air an cruinneachadh a stigh; agus anns an t-seadh so tha na h-Israelich mhi-chreideach, agus daoine mi-chreideach do na h-uile chinneach a leth-char a faotainn tairbhe trid coi’-cheangal nan gras, do bhrigh gu bheil e air a cheadachadh dhoibh a bhi beo agus nithe maithe na beatha so a mhealtuinn, chum ’s gum [TD 36] bi uile ulluchadh an t-soisgeil air a dheanamh cinnteach do’n iomlan do’n t-sliochd spioradail, na fhior, agus an sin bithidh an deireadh. Mar so, bha feum gum biodh e air fhuilang do chuid do na h-Israelich mhi-chreideach dol a steach do Chanaan, do bhrigh uathasan gun robh cuid do’n t-sliochd spioradail ri teachd; ach mar a bhitheas an t-iomlan do’n t-sliochd spioradail air an cuir air leth o’n t-sliochd fheolmhor, mun sealbhaich an eaglais mar oighreachd an Canaan neamhaidh—a reir mar tha e scriobhta, “Agus cha d’ theid air chor sam bith a steach innte ni air bith a shalaicheas, na a dh’ oibricheas grainealachd, na a ni breug: ach iadsan a mhain a tha scriobhta ann an leabhar beatha an Uain:” Tais. xxi. 27. 3. Bha ’n timchioll-ghearradh air a cheangal ris a choi’-cheangal so mar a chomharadh agus a sheula. B’e comharadh a choi’-cheangail a bha ann, Gin. xvii. 11. (1.) Bu chomharadh e air a bheannachdan. Cha’n’eil e cosmhuil gun robh comharadh faicsinneach sam bith o’n taobh amach ceangailte ri coi’-cheangal nan gras roimh laithibh Abrahaim, ged is e suim agus brigh a choi’-cheangail an ni ceudna anns na h-uile linn—sin re radh, dionachadh air taobh Iehobhaih da shluagh, gum bi e na Dhia dhoibhsan, agus da’n sliochd; is e sin, gun d’thoir e dhoibh na h-uile beannachadh spioradail agus aimsireil anns an t-saoghal so, co fada sa bhios e chum a ghloir fein, agus am maith-san, agus an deigh am bais, beannachadh siorruidh air neamh. Air do’n timchioll-ghearradh a bhi mhain na chomharadh a choi’-cheangail, agus cha’n ann mar ni nach faodadh e seasamh as eugmhais, dh’fhaodadh e aon chuid, le ughdaras Dhe, a bhi air a chuir air cul gu buileach, as eugmhais comhara sam bith eile bhi air a shuidheachadh na aite, gun eucoir sam bith bhi air a dheanamh air a choi’-cheangal, a bha ann air thoiseach air; agus gun a bhi ’n earbsa ris a sin na ri comhara sam bith eile, agus bithidh e ann gu siorruidh, an deigh do gach comhara diombuan air a bheannachdan a bhi air a thoirt air falbh. Is e suim lagh nam modhanna, [TD 37] gradhaichidh tu an Tighearna do Dhia le d’uile chridhe; agus tha’n lagh so ceangailte air na h-uile duil reusanta agus fiosrach: gidheadh tha na h-uibhir do na deich aitheanta a tha nam meoir do’n lagh sin, agus freagarach do staid a chinne-daonna nis anns an t-saoghal so, nach ’eil aon chuid freagarach do ainglibh naomha na do ainglibh air tuiteam—do spioradaibh dhaoine air an deanamh foirfidh ann an gloir, na do dh’anamannaibh caillte anns an t-saoghal neo-fhaicsinneach; am feadh, an deigh so, a tha brigh an lagha a seasamh daingean, agus e freagarach do na h-uile duil bheo aig am bheil ri cunntas a thoirt a suas. Anns an doigh cheudna, b’e’ ni ceudna suim agus brigh coi’-cheangal nan gras anns gach linn, agus is e’n gealladh aig Iehobhah do chreidich gum bi e na Dhia dhoibhsan, agus da’n sliochd: ach cha robh sealbhachadh an t-seana Chanaain, agus comhar’ an timchioll-ghearraidh air an toirt gu litirail do Adhamha, ni h-eadh, na a cheud aon do Abraham, ann an lan sheilbh, ach amhain ann an gealladh; ni mo a tha iad air an toirt gu litirail do chreidich a nis, ged a tha againn ni a tha comh-ionann airson nam beannachdan sin araon, agus ged a chaidh suim agus brigh beannachdan a choi’-cheangail a dheanamh cinnteach do’n t-sliochd fhirinneach uile, fuidh gach frithealadh do dhiadhachd o leagadh steidh an domhain. (2.) B’e comhara fiachan a choi’-cheangail a bha ann. Cha ’n ’e mhain gun robh an timchioll-ghearradh na chomharadh air beannachdan a choi’-cheangail, ach mar an ceudna air na fiachan a tha ’g eiridh a choir anns na beannachdaibh sin. Bha e na chomharadh air a choi’-cheangal eadar Dia agus a shluagh. Bha e filleadh ann, ma b’e san an Dia acasan, agus ma ghabh e os laimh ulluchadh air an son, araon a thaobh nithe aimsireil agus spioradail, gum b’iadsan a shluagh-san, agus gun robh iad ceangailte gu esan a ghloruchadh le ’n corpaibh, agus le ’n spioradaibh a bu leisan.—“Oir a ta mi a’ deanamh fianuis do gach uile dhuine a thimchioll-ghearrar’ gu bheil a dh’fhiachaibh air an lagh gu h-iomlan a choimhlionadh:” Gal. v. 3. San [TD 38] dara aite,—B’e ’n timchioll-ghearradh seula a choimh-cheangail: Rom. iv. 11. (1.) Bha e na sheula a chomharachadh Abrahaim agus a shliochd, mar a chuibhrionn faicsinneach aig Dia, agus aig an robh coir na choi-cheangal. Fhuair Abraham an seula so, chum ’s gum biodh e na athair acasan uile a ta creidsinn, do gach cinneach fuidh neamh. Bu sheula e a chomharaich a mach luchd aidmheil eagail an De bheo o’ luchd iodhoil aoraidh, uatha sin do gach cinneach a thug aoradh do dhia an t-saoghail so, agus do na h-iodholan a chuir e suas gu aoradh a bhi air a thoirt dhoibh; agus a rinn dealuchadh soilleir agus faicsinneach eadar an eaglais agus an saoghal, eadar-clann Dhe agus clann Bheliail, ag radh, ann an canain nach b’urrainn a bhi air a togail cearr, “Biodh fios agaibh gun do roghnuich an Tighearn an duine naomh dha fein:” Salm iv. 3. (2.) Bu sheula e leigeil ris am modh na an doigh anns an d’rinneadh Abraham agus a shliochd nan cuibhrionn do Dhia, agus coir fhaotainn ann am beannachdaibh a choimh-cheangail. An doigh anns an d’rinneadh Abraham agus a shliochd nan cuibhrionn do Dhia, agus a fhuair iad coir ann am beannachdaibh coi’-cheangail an t-soisgeil, b’ann tre chreidimh, trid grais. Is i so an doigh anns am bheil na h-uile air an deanamh nan cloinn do Dhia, agus nan luchd-comh-pairt do bheannachdaibh spioradail agus aimsireil ann an Iosa Criosd:” Gal. iii. 26. Gun robh an timchioll-ghearradh na sheula chomharachadh a mach na dream da’n d’thugadh e mar a chuibhrionn fhaicsinneach aig Dia, agus a leigeil ris am modh nan doigh anns an d’rinneadh iad nan cuibhrionn dha, agus gu coir fhaotainn ann am beannachdaibh obair chriochnaichte Chriosd agus fhireantachd a tha neo-chriochnaichte iomlan, tha e air a chuir an ceill co soilleir agus co suidhichte le aon do na h-abstoil, ionnus gu’m biodh e gu buileach neo-fheumail smaointeachadh air comhdach a thoirt air aghaidh le cursa reusanachaidh; ni mo is urrainn dhuinn a thuigsinn cia mar a tha e comasach do Chriosdui sam bith, na do sheorsa Chriosduiean [TD 39] an fhirinn so aicheadh gu coguiseach, agus cathachadh nach robh an timchioll-ghearradh air a cheangal ri coi’-cheangal an t-soisgeil, ach a mhain, “ri tiodhlac na h-oighreachd thalmhaidh,” agus sin ann an aghaidh an fhoillseachaidh a leanas, a shaoileamaid gum bu choir dha an connsuchadh a shocruchadh a dh’aon tarruing—air dha bhi na fhoillseachadh Dhe na firinn, nach urrainn breug a dheanamh, anns nach’eil eucoir, agus neach a ni fhocal seasamh, a bhios beo, agus a mhaireas gu siorruidh. “Agus fhuair e (Abraham) comhar an timchioll-ghearraidh, seula fireantachd a chreidimh a bha aige san trid thimchioll-ghearradh, chum gu’m biodh e’na athair acasan uile a ta creidsinn san neo-thimchioll-ghearradh, chum gu measadh fireantachd dhoibhsan mar an ceudna. Agus ’na athair an timchioll-ghearraidh dhoibhsan a ta ni a mhain do’n timchioll-ghearradh, ach mar an ceudna a ta ’g imeachd ann an ceumaibh a’ chreidimh sin ar n-athair Abrahaim, a bha aige san neo-thimchioll-ghearradh. Oir cha b’ann tre’n lagh a thugadh an gealladh do Abraham na da shiol, Gu’m biodh e ’na oighre air an t-saoghal, ach tre fhireantachd a’ chreidimh:” Rom. iv. 11—13. Mar so bha’n timchioll-ghearradh na chomhara air beannachdaibh agus air fiachaibh coi’-cheangal an t-soisgeil, agus mar an ceudna ’na sheula chomharachadh na muinntir fhaicsinneach aige, agus a leigeil ris am modh na’n doigh air an d’thainig iad gu coir fhaotainn na gheallannaibh. Ach cha’n aidich scriobhadairean Baisteach gu’m bheil timchioll-ghearradh agus baisteadh nan comhara air na beannachdan ceudna, na nan comharan agus nan seulachan air a choi’-cheangal cheudna.—Tha Maighstir MacIlleathain, ann an sgrudadh teagasgan an Ollaimh Wardlaw air coi’-cheangal Abrahaim, gan cuir ma choinneamh a cheile mar a leanas, taobh-duilleig 106, 107. 1. Bha’n timchioll-ghearradh air orduchadh do gach aon do’n chloinn mhac aig Abraham, gun aon air bith fhagail amach; agus eadhoin do na traillibh, a bha na’n cuibhrionn dha, air dhoibh a bhi air am breith na thigh, na air an ceannach leis an airgiod aige; Gin. xvii. 10 [TD 40] —15. Ach cha’n’eil baisteadh air orduchadh do neach airson aon air bith da ’n leithidibh sin do dh’aobhair, ach dhoibhsan amhain a tha creidsinn, na tha ’g amharc cosmhuil ri bhi da rireadh nan sliochd spioradail do Abraham tre chreidimh ann an Iosa Criosd. Marc xvi. 16. Gniomh. viii. 12, 36, 37. Gal. iii. 7—9, 26, 27. 2. Bhuineadh an timchioll-ghearradh do choi’-cheangal sonruichte a rinneadh ri sliochd nadurra Abrahaim. B’e comhara choi’-cheangail sin nam feoil, comhara air iad a bhi do chinneach eadar-dhealuichte, agus dealuichte o na h-uile sluagh eile; agus uaithe sin theirear mar ainm riu an timchioll-ghearradh. Rom. iv. 9. Ach buinidh baisteadh do’n choi’-cheangal nuadh, a chuir air cul eadar-dhealachadh an Iudhaich agus a Chinnich, agus a tha sgaoileadh a mach beannachdan spioradail Abrahaim da shliochd spioradail do na h-uile chinnich: Mata xxviii. 19. Rom. iii. 29, 30. x. 12, 13. Gal. iii. 13, 14. 3. Bha’n timchioll-ghearradh air a chumail ris na firionnaich: Gin. xvii. 10. Ach tha ’m baisteadh gu bhi air a fhrithealadh do na h-uile a tha creidsinn, araon fir agus mnai: Gniomh. viii. 12. oir tha firionn agus bainionn uile nan aon ann an Criosd. Gal. iii. 28. 4. Bha’n timchioll-ghearradh air a cheangal ri tiodhlac na h-oighreachd thalmhaidh; Gin. xvii. 8. agus mar so bha e na chomhara oighreachais na coir air na beannachda aimsireil sin a bha air an gealltuinn do Abraham agus da shliochd nadurra. Ach cha’n’eil am baisteadh gabhail gnothuich ri ni sam bith do ghne saoghalta na aimsireil;* ach a cumail a mach, na daighneachadh do chreidich beannachdan spioradail, neamhaidh, agus siorruidh a choi’-cheangail nuaidh; freagarach do nadur rioghachd Chriosd nach’eil do’n t-saoghal so. 5. Chuir an timchioll-ghearradh an dream da’n robh e air a fhrithealadh fuidh fhiachaibh gu gluasad a reir an iomlain do’n riaghailt Iudhach, mar a tha i air cur sios ann an lagh Mhaois, Gal. v. 3. a dh’fhag na h-uile a dh’iarr a bhi air am fireanachadh leis fuidh’n mhallachd, Gal. iii. 10. Ach tha’m baisteadh a cumail a * Cait am bheil dearbhadh o’n fhirinn? [TD 41] mach saorsa a chreidich o chuing sin na daorsa, Col. ii. 12—15. a shaorsa o’n mhallachd, agus fhireanachadh tre chreidimh ann an Criosd, mar chrioch an lagha chum fireantachd; am feadh a tha e ga cheangal gu basachadh do pheacadh, agus gluasad ann an nuadhachd beatha, air dha bhi fuidh ’n lagh do Chriosd: Gniomh. ii. 38. xxii. 16. 1 Phead. iii. 21. Rom. vi. 3—15. Gal. iii. 27. An fhad so barail Mhic Illeathain. Tha’n t-iomlan do’n chomh-shineadh mhearachdach so a tighin o’n bheachd chearr a bha gu beachdaidh aig an scriobhadair araon air an ni ris an robh e ’g radh coi’-cheangal Abrahaim, agus an ni leis an do chomharaich e mach coi’-cheangal an t-soisgeil. Tha e cumail a mach a cheud aoin le bhi gealltuinn beannachdan aimsireil amhain, agus an t-aoh mu dheireadh gun a bhi gabhail gnothaich ri ni sam bith do ghne saoghalta na aimsireil, ach amhain ri beannachdaibh spioradail, neamhaidh agus siorruidh. A nis, dh’fhaodadh am beachd so air coi’-cheangal an t-soisgeil gnothuch a dheanamh, nam biodh na h-uile do’n dream a tha nan luchd comhpairt dheth air neamh; ach a thaobh is gum bheil moran dhiu air talamh, tha feum aca air aran aimsireil agus a theirgeas, co maith ri aran Spioradail agus beo, agus air do Iehobhah a ghealltuinn a bhi na Dhia dhoibh, tha e ceangailte ri’n uile uireasbheadh a leasuchadh, co aca a bhuineas iad do’n chorp na do’n anam. A reir so, tha coi’-cheangal Abrahaim na ’n t-soisgeil, a dh’ fheuch sinn gum b’iad an t-aon agus an ni ceudna, “tarbhach chum nan uile nithe,” agus tha fillte ann “gealladh na beatha a ta lathair, agus a chum teachd,” na beannachdan fireantachd a chreidimh; agus ged nach’eil aig sliochd spioradail Abrahaim a nis seann tir Chanaain gu litireil ann an seilbh, gidheadh is e Dia an Dia ris am bheil iad ann an coi’-cheangal, ann agus tre Chriosd; agus ann an Criosd cha ’n e mhain gu bheil iad lan agus a cur thairis a thaobh nithe spioradail, ach tha’n aran talmhaidh air a thoirt dhoibh, agus tha’n uisge air a dheanamh cinnteach: oir is leisan Canaan agus an talamh uile, agus a lan; agus, uime sin, ann an [TD 42] Criosd, anns am bheil uile gheallanna coi’-cheangal an t-soisgeil nan seadh agus nan amen, tha iad a sealbhachadh nan uile nithe, seadh, tha agus Canaan fein: oir is earrann e do lanachd na talmhainn a bhuineas do Chriosd, maille ris am bheil iadsan nan comh-oighreachan, araon air an oighreachd thalmhaidh agus spioradail. Ciod e’n ni sin a dh’fhag seilbh Chanaain co ion-mhiannuichte do ’n eaglais roimh bhas Chriosd, agus gun e na ’s luachmhoire an deigh a bhais na duthaich sam bith eile? B’e do bhrigh gu’m b’e ’m fearann so roimh bhas Chriosd, an t-aon rioghachd fhaicsinneach aig Dia anns an t-saoghal; an t-aon fhearann far am b’urrainn do laghanna agus do thoil De bhi air an toirt fainear; an t-aon aite do na h-uile aite air talamh far an do chuir Dia ainm, agus an do ghabh e comhnuidh le comharaibh faicsinneach a lathaireachd agus orduighean, ’Nuair air an laimh eile, an deigh bais Chriosd, cha b’e’ Ierusalem an t-aon aite anns am bu choir do dhaoine aoradh a dheanamh; ach dh’ fhaodadh fior luchd-aoraidh an Athar, aoradh a thoirt dha co spioradail agus co taitneach ann am baile sam bith eile air talamh, is ann am baile mor Iudea.—Tre bais Chriosd cha do chaill Ierusalem a sochairean spioradail, ach bha ionadan eile na talmhainn far an robh luaidh air a dheanamh air ainm an Tighearna air an togail gus an airde cheudna rith se; oir orrasan bhuileachadh sochairean ion-samhuil agus comh-ionnann.—Trid bais Chriosd bha’n talamh uile air a dheanamh na Chanaan; bha uachdranachd Mhesiais o’ mhuir gu muir, agus o’n abhainn gu ruig criochaibh na talmhainn; bi iompaireachd Mic agus Tighearna Dhaibhidh an saoghal; bha ’n t-eadar-dhealachadh eadar Canaan agus duchannaibh eile air a chuir air cul; rinneadh fearann nan Iudhach agus nan Cinneach na aon agus rinneadh rioghachdan na talmhainn ann an seadh ’nan rioghachdaibh d’ar Tighearn, agus d’a Chriosdsan, direach mar a rinneadh Canaan na rioghachd do Abraham agus d’a shliochd, na h-uibhir a cheuda bliadhna mun do lan-shealbhaich iad e. Agus mar a rinn Dia a [TD 43] ghealladh cinnteach do Abraham a thaobh Chanaain, agus a thug e dha na shliochd sealbh anns an tir sin, agus a chuir e ainm naomha agns urramach an sin; is amhuil a ni e daingean a gheallanna nan uile fharsainneachd agus lanachd dhasan agus a thaisbeanas e gun robh e air orduchadh “na oighre air an t-saoghal, trid fireantachd a chreidimh,” le thoirt da shliochd lan sheilbh air an t-saoghal aitichte, agus le laghannaibh, orduigibh, agus ainm a shuidheachadh ann ’nuair a bhios aoradh air a thoirt da ainm cha’n’e mhain ann an Ierusalem, ach o eirigh na greine gu ruig a dol sios mar an ceudna, agus nuair nach bi a chearna a bha air a sealbhachadh leis an eaglais o shean na ’s faide gu sonruichte na Chanaan; oir bithidh an talamh uile air a lionadh le gloir Dhe, agus a bhios e gu litireil agus da rireadh na Chanaan an Tighearna—an fhois thalmhaidh aig an eaglais a tha cathachadh, agus na samhladh air an fhois sin is fearr a dh’ fhagadh, an deigh dol thar Iordan a bhais, airson uile shluagh Dhe. Ach faodaidh e bhi air a radh, ma bha Canaan air a thoirt do shliochd spioradail Abrahaim, carson nach d’ rinn na Cinnich sin a dh’ iompaicheadh a chum a chreidimh, agus na lorg so, a bha dha nan sliochd na nan cloinn spioradail cuibhrionn a shealbhachadh ann an tir a gheallaidh, co maith ri da threubh dheug Israeil? Thug sinn air aghaidh cheana, gun robh toiseach aig Canaan air na h-uile fearann eile roimh bhas Chriosd, airson a shochairean spioradail, agus do bhrgh gu’m b’e Ierusalem an t-aon a bhaile anns an do ghabh Dia Abrahaim comhnuidh trid samhluidhibh faicsinneach a lathaireachd, agus far am b’ urrainn an t-iomlan da thoil a bhi air a coimhead, an deigh dha ainm a chur an sin. Bha iomadh cinneach eile da ’n do nochdadh uiread chaoimhneis sa nochdadh do ’n chinneach Iudhach, a thaobh fearainn agus aileadh fallain, agus dh’fhaodadh e bhi air a radh leis a cheart uiread fhirinn, mar fhaodadh leis a bharrachd gun robh iad a sealbhachadh dhuchanna a bha sruthadh le mil agus le bainne; ach bha iad as eughmhais [TD 44] “bainne agus fion” an t-soisgeil; ni mo b’ urrainn a h-aon dhiu uaill a dheanamh ann am baile mor agus teampull a bhi aca anns an robh Iehobhah a gabhail comhnuidh eadar na cherubim, agus anns am b’urrainn da aoradh agus da orduighean a bhi air an toirt fainear a reir a bhriathraibh fein.—A nis, bha aig sliochd creideach Abrahaim do gach cinneach an Canaan fein do nithibh talmhaidh cait air bith an robh iad air chuairt; ach bha aca mar an ceudna, aig an iomlan dhiu cubhrionn litirail ann an Canaan—cuibhrionn do’n oighreachd sin a thug Dia do Abraham, agus da shliochd spioradail do na h-uile chinneach: oir an luchairt a mach a bha anns an teampull do ’m b’ ainm luchairt nan Cinneach, bu leosan i, agus bha i air a cur air leth gu h-iomlan airson aon feum-san. Ma bhios e air fheoraich, uime sin, ciod a choir na chuibhrionn a bha aig sliochd creideach nan Cinneach aig Abraham ann an tir a gheallaidh, tha’m freagradh soilleir. Bha ’n cuibhrionn aca do dh’ oighreachd ann an Canaan, seadh, ann am baile mor Chanaain, ann an tigh Dhe fein, ni a thug do ’n fhearann sin na h-uile barrachd agus gloir a bha aige. Cha robh iadsan, uime sin, air an druideadh amach o oighreachd na cloinne; cha robh seol air cuir an aghaidh an coir air cuibhrionn anns an Ierusalem thalmhaidh, a bha na samhladh air an Ierusalem neamhaidh, do bhrigh gun robh a choir aca le gealladh agus le orduchadh Dhe; agus dh’fhag so iad na bu mho nam fior shealbhadairean air Canaan a reir geallaidh Dhe, na Abraham fein, aig nach robh uiread is leud a thraidhe anns an tir sin le saor thiodhlaic: oir “rinneadh an t-achadh agus an uaimh a bha ann am Machpelah, a bha fa chomhair Mhamre daingean dha mar sheilbh, airson ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannuiche;” am feadh a bha aig a shliochd creideach am measg nan Cinneach an cuibhrionn air a deanamh dhoibh mar sheilbh, gun airgiod agus gun luach. Cha b’ urrainn a h-aon dhiu a radh maille ris na Cinnich mhi-chreideach, “Cha’n’eil cuibhrionn againne ann an Abraham, ni mo tha oighreachd againn maille ri Isaac agus Iacob [TD 45] a shliochd;” oir bha oighreachd aca maille riu, agus bha iad uile air an aideachadh mar chloinn Dhe Abrahaim, agus air an cuireadh agus misneach air a thoirt dhoibh gu tarruing dlu dha, an Athair a ghairm dheth, agus tagradh airson comhlionadh a gheallaidh, gum biodh e na Dhia dhoibh fein agus da ’n sliochd. Tha’n coir air an Dia acasan a radh ri Dia Abrahaim, air aideachadh le Solamh aig coisrigeadh an teampuill; agus dh’asluich an righ diadhaidh sin lanachd do bheannachdaibh spioradail airson nan creideach do na Cinnich, eadhon na h-uile ni a dh’ iarradh iad ann an deanadh an iarrtais aithnichte do Dhia, 1 Righ. viii. 4—43. Agus ged a bha sochairean nan creideach do na Cinnich na bu lugha na iad sin aig na h-Iudhaich chreideach roimh bhas Chriosd, cha d’rinn so gealladh Dhe a chur an neo-brigh, na esan fhagail neo-fhirinneach; oir ged a cheangail se e fein gu Canaan a thoirt do shliochd Abrahaim, is e sin, do chreidich do na h-uile chinneach, airson sealbh shiorruidh, gidheadh, cha do gheall e uibhir is uibhir a thoirt do na h-uile aon do’n t-sliochd uile, ach ghleidh e dha fein coir cuid dhiu a bheannuchadh na bu mho na cuid eile, agus tiodhlaca a bhuileachadh, co aca bha iad spioradail na aimsireil orrasan aig an robh coir na choimh-cheangal, a reir a thoil mhaith shaor, agus ard-uachdaranach fein. Air an aobhar sin, tha an dream leis am b’aill creidich do na Cinnich a chumail a mach roimh bhas Chriosd mar mhuinntir aig nach robh cuibhrionn sam bith ann an Canaan, nan coimhich do chomh-fhlaitheachd Iscaeil, agus nan coigrich do choi-cheanglaibh a gheallaidh a rinneadh ri Abraham a toirt, nar barail-ne, beachd ro-eadar-dhealuichte air staid an leithide sin do chreidich, na tha aon chuid air a dhearbhadh le scriobtuir na leis an ni thachair. Agus na labhradh mac a’ choigrich, a ta dlu-leanntuinn ris an Tighearn, ag radh, Sgar an Tighearn mise gu tur o’ shluagh: agus na h-abradh an caillteanach, Feuch, tha mis ’a ’m chrann tioram. Oir mar so deir an Tighearn, Do na caillteannaich a choimhideas mo Shabaidean, agus a [TD 46] raoghnaicheas an ni a thaitneas rium, agus a ni greim air mo choimh-cheangal: Dhoibh sin bheir mi ann am thigh, agus an taobh a stigh do m’ bhallachan, ait agus ainm nis fearr na ainm mhac agus nighean; ainm siorruidh bheir mi dhoibh nach gearrar as: Agus mic a’ choigrich o ta dlu-leantuinn ris an Tighearn, gu frithealadh dha, agus gradh a’ thoirt do ainm an Tighearna, agus gu bhi nan oglaich dha; gach aon a ghleidheas an t-sabaid gun a mi-naomhachadh, agus a ni greim air mo choimh-cheangal. Iad sin bheir mi chum mo shleibh naomha; agus ni mi aoibhneach iad ann am thigh-urnuigh; bithidh an tabhartais loisgte agus an iobairtean air an gabhail gu taitneach air m’ altair; oir goirear do m’ thighsa, Tigh-urnuigh air son nan uile shlogh. Oir “Mar so deir an Tighearn Iehobhah, a ta cruinneachadh r’a cheile diobaraich Israeil; Fathast cruinnichidh mi muinntir eile d’a ionnsuidh, os-barr orrasan a ta air an cruinneachadh:” Esa. lvi. 3, 9. Mar so, cha robh creidich do na Cinnich air an sgaradh gu buileach o’ na h-Iudhaich chreideach; cha robh iad air an gearradh air falbh o shealbh ann an tir a gheallaidh: na aghaidh sin, bha iad air an aonadh ri sluagh an Tighearna; bha aca maille riu oighreachd, aite, agus ainm ann an tigh Dhe, eadhon ainm siorruidh, agus uime sin, bha Canaan air a thoirt dhoibh, maille ris na creidich do shliochd nadurra Abrahaim mar sheilbh shiorruidh. Ann an Gniomharaibh nan abstol tha e air innseadh dhuinn gun robh a gabhail comhnuidh ann an Ierusalem, daoine crabhach, do gach uile chinneach fuidh neamh, Partuich, agus Medich, agus Elamuich, agus luchd-aiteachaidh Mhesopotamia, Iudea, agus Chapadocia, Phontuis agus Asia, Phrigia, agus Pamphilia na h-Eiphit, agus chrioch na Libia timchioll Chirene, agus coigrich o’n Roimhe, Iudhaich agus Proselitich, Muinntir Chrete, agus Arabia. Gniomh. ii. 5—12. A nis, b’ iompachain do chreidimh Abrahaim na daoine crabhach sin; bu chuibhrionn iad do ’n mhoran chinneach da’n robh e na athair; b’ iad a shliochd spioradail, da ’n do gheall agus da ’n d’ thug Iehobhah tir Chanaain mar sheilbh shiorruidh; [TD 47] agus bha ’n teachd a nios do Ierusalem gu aoradh, na dhearbhadh gun robh ainm, aite, agus oighreachd aca am measg a chloinne-san, a fhuair an t’ainm urramach agus eadar-dhealuichte sin “Caraid Dhe:” Agus ni ’n do sguir sliochd creideach Abrahaim do dhuchannaibh nan Cinneach a dhol suas do Ierusalem gu aoradh, gus an robh iad air an deanamh mothachail gun robh criochaibh Chanaain air an cuir am farsuinneachd, agus gu’m b’iad na neamhan cathair-throcair Iehobhaih fuidh fhrithealadh an t-soisgeil, agus an talamh uile stol-coise a ghrais, agus ann an cearna sam bith dheth gum b’urrainn an t-iomlan da thoil a bhi air a coimhead a cheart co taitneach is ann an Ierusalem.—Air an aobhar sin ’nuair a ghabhas na h-Iudhaich mhi-chreideach ri fianuis Dhe mu thimchioll a Mhic, agus a chreideas iad anns a Mhesias ris an do chuir iad cul, ciod air bith an duthaich na ’m baile do ’n talamh sam faod iad a bhi air chuairt, gheibh iad siad fein ann an Canaan, ann an tir a gheallaidh, agus air an suidheachadh a ris am measg cloinne Abrahaim—air dhoibh gun a bhi na ’s mo nan coigrich agus nan coimhich, ach nan luchd aon bhaile ris na naomhaibh, agus nam muinntir teaghlaich Dhe, a tha uile nan comhnuidh anns an fhearann a thug Dia do ’n Chriosd agus da shluagh annsan, airson oighreachd mhaireannach. Mar so, bu choi’-cheangal siorruidh an coimh-cheangal a rinn Dia ri Abraham; bu bheannachdan siorruidh a bheannachdan, araon spioradail agus aimsireil, na bha air an deanamh daingean do ’n t-sliochd uile co fada sa bhiodh feum aca orra; agus bu chomhara siorruidh mar an ceudna a chomhara ri mairsinn gu deireadh an t-saoghail, ann a mheud is gu ’m bheil aig an eaglais trid a bhaistidh chearta comh-ionann an aite an timchioll-ghearraidh, mar a ni sinn a nochdadh air ball. Gu bheil timchioll-ghearradh agus baisteadh a comharachadh a mach nam beannachdan ceudna, agus comharan agus sealachan a choi’-cheangail cheudna, bithidh e air fhaicinn o’n t-samhladh ata eatorra, anns na coig nithibh eadar-dhealuichte a leanas, a dh’fhaodas a bhi air an gabhail mar fhreagairt do’n t-samhlachadh [TD 48] a chaidh a tharruing eadar na h-orduighean sin le Maighstir Mac Illeathain nach maireann, agus a chaidh ainmeachadh ann an earrann roimhe do ’n t-searmoin so. 1. Bha ’n timchioll-ghearradh air orduchadh do na h-uile a bha air an ceangal gu faicsinneach ri eaglais Dhe, agus iomchuidh air fhaotainn mar chomhara air ceangal eaglais, co aca bha iad nan Iudhaich na nan Cinnich, agus cha robh do aon neach eile—agus tha’m baisteadh air orduchadh airson na chriche ceudna. Gin. xvii. 9—14. Mata xxviii. 18—20. Gniomh. xvi. 15, 33. 1 Cor, i. 16. 2. Bhuineadh an timchioll-ghearradh gu buileach do’n choimh-cheangal sin leis an d’rinneadh Abraham na athair mhorain chinneach—agus is amhuil a bhuineas am baisteadh. Ach am feadh nach b-Iudhach esan a bha mar sin o’n leth muigh, is ni mo a b’e sin an timchioll-ghearradh a bha gu follaiseach san fheoil: ach b-Iudhach esan a bha mar sin san taobh a stigh; agus b’e sin an timchioll-ghearradh a bha sa’ chridhe, agus san spiorad, agus cha b’ann san litir: Air an doigh cheudna, cha Chriosdui esan a tha mar sin o’n leth muigh; ni mo is e sin am baisteadh, (na eifeachd an ni a tha’n comharadh a cumail a mach) a tha air a fhrithealadh o’n taobh a muigh air a chorp: ach is Criosdui esan a tha mar sin san taobh a stigh; agus is e sin am baisteadh a tha sa’ chridhe, eadhon e bhi air ionnlaid le ath-ghineamhuin agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh—san spiorad, agus ni h-ann san litir, aig am bheil a chliu cha’n ann o dhaoinibh, ach o Dhia: Agus am feadh a dh’fhoghain an timchioll-ghearradh gu eadar-dhealuchadh a chur eadar an dream da’n robh e air a fhrithealadh agus luch-iodhol-aoraidh, is amhuil a tha ’m baisteadh air shonruchadh gu eada-dhealuchadh a chuir eadar an dream da’m bheil e air a fhrithealadh agus an saoghal mi-chreideach, a tha na luidhe san droch aon. Gin. xvii. 4, 5, 9—14. Mata xxviii. 18, 20. Rom. ii. 28, 29. iii. 29, 30. iv. 11—13, 17, 18. x. 12, 13. Gal. iii. 13, 14. Col. ii. 11, 12. Bha ’n timchioll-ghearradh air a chumail riusan a [TD 49] bha ceangailte ris an eaglais, agus iomchuidh airson fhaotainn—agus is amhuil a tha’m baisteadh: Ach cha d’rinn a bhi dheasbhuidh an timchioll-ghearraidh sliochd nan creideach nach robh iomchuidh air fhaotainn, a dhruideadh a mach o bheannachdaibh coimh-cheangail Abrahaim, ni air bith na ’s mo na tha bhi as eugmhais a bhaistidh a druideadh a mach sliochd nan creideach roimh am breith (a tha neo-chomasach air fhaotainn) o choir a bhi aca ann am beannachdaibh a choimh-cheangail sin. Ni mo a rinn an timchioll-ghearradh, na ni am baisteadh tairbhe sam bith, gun chreidimh, ath-ghineamhuin, agus naomhachd.—Deut. xxix. 13. Rom. ix. 9—13. Eoin iii. 5—7. viii. 24. Gniomh. viii. 13, 18—24. Rom. ii. 25—29. 1 Cor. vii. 19. Gal. v. 6. Eabh. xii; 14. 4. Bha ’n timchioll-ghearradh gun amharus air a cheangal ri tiodhlac na h-oighreachd thalmhaidh; ach bha e na thiodhlac air an oighreachd spioradail mar an ceudna, air na beannachdaibh a chaidh a ghealltuinn do “fhireantachd a chreidimh:”—agus ris a choimh-cheangal cheudna, a tha deanamh daingean do chreidich beannachdan aimsireil co maith ri beannachdan spioradail, tha baisteadh air a cheangal.—Gin. xvii. 7, 8. Rom. iv. 11—13. viii. 32. 1 Cor. ii. 21—23. 1 Thim. iv. 8. Gal. iii. 26—29. 5. Chomharaich timchioll-ghearradh an dream da ’n d’thugadh e mar a chuibhrionn fhaicsinneach aig Dia; chum e mach doigh an saorsa o mhalluchadh an lagha, tre fireantachd a chreidimh; agus chuir e fuidh fhiachaibh iad gu earbsa a chuir anns an iomlan do na geallannaibh agus an creidsinn agus an coimhead gu durachdach an t-iomlan do na reachdaibh agus do na h-orduigibh ann an lagh nam modhanna agus nan deasghnath a bha ann an cleachduinn, re na h-uine a bhuanaich e na chomhara agus na sheula coimh-cheangal an t-soisgeil;—ni nan deanadh iad, bha iad ann am firinn air am fireanachadh agus air an saoradh o dhiteadh:—Agus tha baisteadh a comharachadh na dream da ’m bheil e air a fhrithealadh mar a chuibhrionn fhaicsinneach aig Dia; a cumail a mach doigh an saor- [TD 50] sa o mhalluchadh an lagha tre fireantachd a chreidimh; agus gan cuir ceart direach fuidh na fiachan ceudna gu earbsa chuir anns an iomlan do geallannaibh, agus gun creidsinn agus an coimhead gu durachdach cha ’n e mhain an t-iomlan do reachdaibh agus do orduighibh lagh nam modhanna a tha an cleachduinn, ach mar an ceudna iad sin do lagh nan deasghnath nach deachaidh a chuir air cul; am feadh is e comhara agus seula coimh-cheangal nan gras;—ni ma ni iad, tha iad air am fireanachadh agus air an saoradh o dhiteadh, agus sin air a cheart bhunachar cheudna ’s air an robh Abraham agus a shliochd creideach timchioll-ghearta air am fireanachadh roimh theachd a Mhesiais.—Chuir an timchioll-ghearradh fuidh fhiachaibh an dream da’n d’thugadh e creidsinn anns a Mhesias a bha gu teachd; gu earbsa airson fireanachadh agus slainte iomlan amhain agus gu buileach “anns an fhireantachd shiorruidh a bha e gu thoirt a steach, ’nuair a rinn e reite airson aingidheachd;” agus an t-iomlan do na h-orduighibh agus do na h-iobairtibh a bha nan samhladh airson a choimhead gus an d’thigeadh esan, agus le iobairt dheth fein crioch a chur air tabhartasaibh agus iobairtibh airson peacaidh.—Tha’m baisteadh a cur an dream da’m bheil e air a fhrithealadh fuidh fhiachaibh creidsinn anns a Mhesias mar air teachd cheana; earbsa a chuir annsan a mhain agus gu buileach airson gliocais, fireantachd, naomhachd, agus saorsa; agus na h-uile nithe do lagh na modhanna agus nan deasghnath a choimhead, eadhon ciod air bith a dh’ aithn esan da eaglais a chreidsinn agus a chleachduinn, o’n cheart am an d’rinn e’n t-ordugh so a shuidheachadh, mar an comhara agus an seula aig coimh-cheangal an t-soisgeil gu deireadh an t-saoghail.—Gin. xvii. 11. Mata xxviii. 19, 20. Rom. ii. 25. iv. 3—25. vi. 3—6. Gal. iii. 26—29. v. 3. Col. ii. 10—15. Mar so bha ’n timchioll-ghearradh na sheula a chomharachadh a mach na dream da’n robh e air a thoirt mar a chuibhrionn fhaicsinneach aig Dia, na ann an coimh-cheangal maille ris, agus an doigh anns an d’ rinneadh iad nan cuibhrionn dha, na air an [TD 51] d’thainig iad gu coir a bhi aca na choimh-cheangal; am feadh a bha e mar an ceudna na chomhara air beannachdaibh a choimh-cheangail araon spioradail agus aimsireil; agus fiachan na h-eaglais gus an t-iomlan do thoil De a chreidsinn agus a dheanamh; anns an doigh cheudna sam bheil baisteadh na sheula agus na chomhara air na ceart nithe ceudna. Ach ni bheil timchioll-ghearradh na baisteadh, ged is comharan agus seulachan iad a bhuineas do choimh-cheangal an t-soisgeil a toirt coir fhaicsinneach fhior na neo-fhaicsinneach anns a choimh-cheangal sin; ach creidimh a mhain, nach’eil o dhuine, na tre dhuine, oir is e tiodhlaca Dhe.—Ach ma bha ’n timchioll-ghearradh agus am baisteadh fuidh na frithealaidh eadar-dhealuichte ris an robh gach fear dhiu air a cheangal air an orduchadh do na h-uile bha nam buill do’n eaglais agus comasach air an gabhail—ma bha iad gu tur air an ceangal ris an aon choimh-cheangal agus ris a choimh-cheangal cheudna—ma bha iad air an cumail ri buill-eaglais a tha aig aois agus ra’n sliochd, agus riusan do gach cinneach a cheangail iad fein ris an eaglais—ma bha iad nan comharan agus nan seulachan air na beannachdan ceudna—agus ma chuir iad an dream da’n robh iad air am frithealadh fuidh fhiachaibh, na ma chum iad a mach iad mar fuidh fhiachaibh gu creidsinn agus gu geilleadh gu treibh-dhireach, agus iad fuidh fhiachaibh an t-iomlan do thoil fhoillsichte Dhe a choimh-lionadh; carson nach robh an timchioll-ghearradh air a bhuanachadh mar an comhara agus an seula aig coimh-cheangal an t-soisgeil gu deireadh aimsir? agus carson a bha e air a chuir air cul, agus baisteadh air a shuidheachadh na aite mar chomhara agus mar sheula air na nithe ceudna? Ma tha timchioll-ghearradh a cumail a mach nam beannachdan ceudna ris a bhaisteadh, agus ma tha’n da ordugh a cur an dream da’m bheil iad air am frithealadh fuidh na fiachan ceudna, cait’ an robh dearbhadh air gliocas ann an cuir air cul a cheud fhir, agus ann an suidheachadh an fhir mu dheireadh? agus cia mar is urrainn so bhi a comh-chordadh ri buaidhibh neo-chriochnach [TD 52] iomlain an De neo-chaochlaidheach, neach nach cuir air cul gu brath earrann sam bith da thoil fhoillsichte, co aca a bhuineas e do lagh na modhanna na nan deasghnath, gun aobhar laidir, cudthromach agus feumail? Am feadh a tha sinn a g’ aideachadh, gun robh an timchioll-ghearradh na chomhara agus na sheula aig a choi’-cheangal cheudna mar tha’m baisteadh, gidheadh is urrainn dhuinn reusan lan-thoilichte a thoirt air aghaidh carson a bha’n ceud ordugh air a ghlaodhaich as agus air a chuir air cul, agus am fear mu dheireadh air a shuidheachadh na aite, air do fhrithealadh an t-soisgeil a bhi air a chur air chois; do bhrigh, nam biodh an timchioll-ghearradh air a bhuanachadh mar an comhara agus an seula aig coimh-cheangal nan gras an deigh bais Chriosd, chuireadh e, na chumadh e mach an dream da’n robh e air a fhrithealadh mar air an cur fuidh fhiachaibh gu nithe a bha calg-dhireach an aghaidh a cheile a chreidsinn agus a chleachduinn! Fiachan nach do chuir Iehobhah riamh, agus nach mo is urrainn, na chuireas gu brath air aon sam bith da chreutairibh tuigseach. Nam biodh an timchioll-ghearradh air a bhuanachadh fuidh rioghachadh Mhesiais, mar an comhara agus an seula aig coimh-cheangal nan gras, tha sinn ga radh air ais, chuireadh e, na chumadh e mach an dream da’n robh e air a fhrithealadh mar air an cur fuidh fhiachaibh gu nithe bha calg-dhireach an aghaidh a chelle a chreidsinn agus a chleachduinn! Nuair a bha’n timchioll-ghearradh air a chur air chois, rinn e iadsan afhuair e a chuir fuidh fhiachaibh soilleir na h-uile ni a dh’ iarradh Dia orra a chreidsinn agus a dheanmah gu durachdach, co fada is a bhuanaich e na chomhara agus na sheula coimh-cheangail nan gras. Uaithe so, bha Abraham agus iadsan uile bha air an timchioll-ghearradh fuidh fhiachaibh soilleir gu uile thoil De a chreidsinn na bhuineadh do lagh na modhanna agus nan deasghnath araon, agus na h-uile nithe a bha air chois fuidh fhrithealadh nan aithrichean a choimhead, agus mar a bhuanaich an timchioll-ghearradh na chomhara agus na sheula choimh-cheangail fuidh fhrithealadh [TD 53] Mhaois, bha’n dream da’n robh an t-ordugh sin air a thoirt fuidh ’n fhrithealadh sin, fuidh fhiachaibh na h-uile nithe a bha air an aithneadh araon do na h-aithrichihh agus do Mhaois a chreidsinn agus a dheanamh.—Anis, nam bitheadh an timchioll-ghearradh air a bhuanachadh mar an comhara agus an seula aig coimh-cheangal an t-soisgeil fuidh rioghachadh Mhesiais, na’n deigh a bhais, chumadh e mach an dream da’m biodh e air a fhrithealadh ceangailte gu creidsinn ann am Mesias mar fathast ri teachd; agus ceangailte gu creidsinn ann mar a cheana air teachd!—ceangailte gu creidsinn airson slainte ann am fireantachd a bha fathast ri bhi air a h-oibreachadh a mach; agus ceangailte gu creidsinn airson slainte ann am fireantachd a chaidh oibreachadh amach cheana!—ceangailte gu tabhartasa agus iobairtean a thoirt suas, mar shamhladh air fulangsaibh agus bas Chriosd mar nithe a bha fathast gu bhi air an coimh-lionadh; agus ceangailte gu samhluidhean a chuirp air a bhristeadh agus fhuil air a dortadh ithe agus ol, mar ni air tachairt cheana, air dha fulang gu bas! ceangailte gu amharc air an aghaidh, agus dochas a bhi aca ri saorsa amhain trid na fala sin a bha Mesias gu dhortadh; agus ceangailte gu amharc air an ais agus dochas a bhi aca ri saorsa amhain trid na fala sin a dhoirt e cheana!—agus, ann an aon fhacal, ceangailte gu chreidsinn agus gu chuir an gniomh mar a dh’ ainmich sinn a cheana, breugan agus nithe calg-dhireach an aghaidh a cheile!! Bha e dh’ fhiachaibh air gach neach a bha air a thimchioll ghearradh an lagh gu h-iomlan a choimh lionadh; agus roimh bhas Chriosd bha tairbhe gu firinneach anns an timchioll-ghearradh, ma bha ’n lagh air a choimhead: oir bi earrann do’n lagh, na do thoil fhoillsichte Dhe, creidsinn anns an fhireautachd a bha Mesias gu oibreachadh amach airson slainte a shluaigh. Rom. ii. 25, Gal. v. 3.—Ach cha b’urrainn tairbhe sam bith a bhi acasan ann an Criosd a bha cleachduinn an timchill ghearraidh an deigh a bhais, agus a bha creidsinn ann am Mesias a bha gu teachd; do bhrigh nach robh fireanachadh ra fhaotainn an deigh bais Chriosd [TD 54] le bhi ’g amharc trid shamhlaidhean agus sgaileachan, agus fala a bhi air a dortadh fuidh ’n lagh do Chriosd mar an t-suim agus a bhrigh aig an ni a bha iad sin a cumail a mach; ach le bhi ’g amharc ra iobairt reitich dhiongmhalta fein a thug e suas air a chrann-cheusaidh. Gal. v. 2—4. Mar so tha sinn a faicinn gun robh cuir air cul an timchill-ghearraidh buileach feumail, an comhara agus an seula a bha ceangailte ri coimh-cheangal an t-soisgeil roimh bhas Chriosd, agus baisteadh a shuidheachadh na aite an deigh na criche sin.—Na’m be’m baisteadh comhara agus seula a choimh-cheangail roimh bhas Chriosd, bhiodh am feum ceudna ann airson atharachadh an deigh a bhais-san, is a bha ann airson an timchioll-ghearradh atharachadh; na, ann am briathraibh eile, ma bha comharadh a choimh-cheangail gu bhi air a bhuanachadh an deigh bais Chriosd, bha feum ann airson atharachaidh an orduigh a bha na chomharadh roimh a bhas-san, agus ordugh eile chur air chois an deigh na criche sin, mar chomhara air an ni cheudna, na aite.—Ach tha sinn a toirt fainear. III. Nach robh naoidheana nan creideach air an druideadh amach o’n eaglais fuidh-fhrithealadh lagha Mhaois. Ris a so ni, agus feumaidh ar cairdibh do na Baistich gabhail, do bhrigh gu’m bheil an dearbhadh co soilleir ann am focal De, ionnus gum faod an ti a ruitheas a leughadh. Ach biodh e air a chuimhneachadh, an coimh-cheangal a bha air ath-nuadhachadh ri Abraham, agus comhara an timchill-ghearraidh a bha air a cheangal ris a choimh-cheangal sin, nach ann le Maois a thoisich e; oir mar a chunnaic sinn, bha’n coimh-cheangal air a dhaighneachadh roimhe le Dia ann an Criosd, agus air fhoillseachadh na bhrigh da’r ceud sinnsiribh; agus bha’n timchioll-ghearradh air a cheangal ris mar chomhara agus mar sheula air a bheannachdaibh ann an laithibh Abrahaim; agus ni mo is urrainn ni air bith a bhi na’s soilleire agus na’s aon-fhillte air a chur sios anns an fhirinn, na “nach b’ann [TD 55] o’ Mhaois, ach o’ na h-aithrichibh a bha’n timchioll-ghearradh.” Eoin. vii. 22. Uime sin mar do bhuin an coimh-cheangal a rinneadh ri Abraham, agus an “comharadh” a bha ceangailte ris do lagh nan deas-ghnath, ach gun robh e ann air thoiseach air, agus gu h-iomlan an taobh a muigh dheth, ged a bha e ann an cleachduinn ri linn frithealadh lagha Mhaois, ciod a dh’ fhaodas a bhi na’s lugha tuaiream agus na’s mi-reusanta na’n coimh-cheangal so agus a chomhara a chumail a mach le bhi deanamh a suas earrann do’n fhrithealadh sin a shearg air falbh, a dh’ fhas sean, agus a chaidh as an t-sealladh? Le tuilleadh mor do choslas reusanachaidh agus firinn dh’ fhaodadh e bhi air a chur an ceill gu’m buineadh lagh na modhanna gu buileach do fhrithealadh nan deasghnath (air dha bhi air ath-chur an ceill le Maois) do bhrigh nach’eil iomradh sam bith ann am briathraibh air a leithid do choimh-cheangal na lagh roimh fhrithealadh Mhaois. Le cheart uiread do choslas reusanachaidh agus firinn dh’ fhaodadh e bhi air a chur an ceill, nach e mhain lagh na modhanna, ach mar an ceudna gum bitheadh coimh-cheangal an t-soisgeil a bha air a chur an ceill da’r ceud sinnsiribh, co maith ris an iomlan do Scriobtuiribh an t-Seann-Tiomnaidh, gun aon earrann fhagail a mach, do’n fhrithealadh sin, a shearg, a dh’ fhas sean, agus a chaidh as an t-sealladh, oir cha’n’eil e comasach a chomhdach leis an tuilleadh do shoilleireachd dearbhaidh gum bheil firinnibh sam bith anns an t-Seann-Tiomnadh na’s eadar-dhealuicht uaithe, na na’s builiche an taobh amach do fhrithealadh lagha Mhaois, na coimh-cheangal Abrahaim agus a sheula. Bha’n ceangal eaglais eadar creidich agus an naoidheana ann roimh fhrithealadh lagha Mhaois, agus thainig e nuas ga ionnsuidh air a dhaighnachadh leughdaras agus deadh-ghean Dhe.—Mar an ceudna sheas an ceangal sin fein re an fhrithealaidh sin, ach cha b’ ann dha uile gu leir a bhuineadh e; is ni mo am bheil an dearbhadh is lugha gun do chuireadh an ceangal so gu buileach air cul, mar a chi sinn anns na leanas.—Tha sinn ri deifir a thoirt fainear, [TD 56] IV. Nach robh naoidheana nan creideach air an druideadh a mach o’n eaglais fuidh rioghachadh Mhesiais, ann an linn nan abstol. Air dhuinn a dhearbhadh cheana, tha sinn an dochas gu’r lan toil, gun robh creidich agus an naoidheana ann an daimh fhaicsinneach a thaobh ceangal-eaglais fuidh gach frithealadh roimhe so, dh’ fhaodamaid gu maith coir agairt air dearbhadh soilleir iarruidh gun deachaidh as do ’n cheangal so gu buileach ann an eaglais an Tiomnaidh Nuaidh, agus fianuis shoilleir gu bheil briathran mu dheireadh a choimh-cheangail, “Bithidh mi ann am Dhia do d’ shliochd,” a nis air a ghlaodhaich as, air a chuir air cul, agus air a dheanamh air falbh. Is i’n fhirinn, ma ghearras sinn air falbh briathran deireannach a gheallaidh, “Bithidh mi ann am Dhia do d’ shliochd,” agus coimh-cheangal nan gras a dheanamh gu comh-sheasamh amhain anns na briathraibh sin, “Bithidh mi ann am Dhia dhuitse,” cha b’urrainn dhuinn daighneachadh sam bith a bhi againn airson gum biodh an eaglais air a gleidheadh ann am bith; oir cha b’urrainn creidimh a bhi againn na leithid do ni, a chionn gur eigin do chreidimh-gealladh a bhi aige gu greim a dheanamh air, ach ma bheir sinn air falbh an gealladh, Bithidh mi ann am Dhia do d’shliochd,” cha’n’eil a h-aon eile fad a Bhiobuill leis am b’urrainn dhuinn creidsinn ann an sior-shliochd a dheanamh seirbheis do’n Tighearna, ni mo b’urrainn dhuinn gu cothromach urnuigh air son a leithid a ni, do bhrigh gur i urnuigh a bhi tagradh air son coimhlionadh geallanna Dhe; ach tha’n t-iomlan do na geallanna air am filleadh anns a choimh-cheangal a rinn Dia ri Abraham agus ra shliochd creideach, agus, uime sin, ma reubas sinn o cheile e, millidh sinn steidh a chreidimh agus na h-urnuigh, a thaobh buanachadh na h-eaglais re ginealach eile. Ach ged is ann air an dream a tha seasamh na’r n-aghaidh a tha e gu soilleir agus gu follaiseach mar fhiachaibh, fheuchainn gun robh an coimh-cheangal so air atharachadh aig toiseach rioghachadh Chriosd, agus an sin gun robh sliochd pharantaibh creideach air an gearradh air falbh o na h-uile [TD 57] ceangal-eaglais; gidheadh, tha sinn a leigeadh dhinn a bhi gam bioradh le bhi ’g iarruidh dearbhadh o’n scriobtuir airson am beachd agus an cleachduinn air a phuinc so, a chionn nach b’urrainn dhoibh riamh fathast a leithid do dhearbhadh a chuir a lathair, agus tha sinn a gabhail oirn fein a dhaighneachadh nach d’thig an latha chuireas, do bhrigh nach’eil e ra fhaotainn; oir tha ’m Biobull a fuireach na thosd mar am bas air an t-seanachas, ni tha gu buileach do thuigsinn le shaoilsinn gun do ghabh an t-atharachadh airson am bheil iadsan a cathachadh da rireadh aite. Tha iad gn tric a toirt gairm chomhraig dhuinn ughdaras soilleir o’n scriobtuir a chuir a lathair airson ar cleachduinn ann a bhi ’g aideachadh naoidheana nan creideach mar bhuill do’n eaglais. Tha sinn a gabhail ra’n gairm, agus cha’n’eil sinn a deanamh moille na aideachadh mar “a robh a leithid do chleachduinn” ann an eaglaisibh Chriosd ann an laithibh nan abstol, nach mo bu choir dhi bhi ann a nis; ach ma’s urrainn dhuinn dearbhadh soilleir a thoirt air aghaidh o’n Tiomnadh Nuadh, ni a tha sinn comasach air a dheanamh, gun robh clann nan creideach le ughdaras Chriosd agus abstol air an aideachadh nam buill do na h-eaglaisibh, nach’eil so na lan dearbhadh air a ghnothuch, gum bu choir dhoibh a bhi air an aideachadh anns an doigh cheudna fathast? agus nach leoir-fhoghainteach fheuchainn, nach eil an coimh-cheangal, “Bithidh mi ann am Dhia dhuitse, agus do d’shliochd a’d dheigh,” air a reubadh na air atharachadh, ach e fuireach na uile neart agus spionnadh gu ruig an latha diugh? A nis tha’n fhirinn gun robh clann luchd-aidmheil a chreidimh air an aideachadh nam buill do na h-eaglaisean abstolach, co comharaichte agus co soilleir air a cuir sios anns na litrichibh chum nan eaglaisean, is a tha e air a chuir sios anns na litrichibh sin gun robh creidich a bha air teachd gu h-aois nam buill. Amach a iomadh earrann a dh’ fhaodadh a bhi air an toirt air an aghaidh a dhearbhadh so, taghaidh sinn a h-aon o litir Phoil chum na h-eaglais ann an Ephesus, a tha sinn a meas a bhi lan thoilichte agus criochnaichte.—“A chlann bith- [TD 58] ibh umhal d’ar parantaibh fein san Tighearn: oir a ta so ceart. Thoir onoir do t’athair agus do d’mhathair, (is i so a cheud aithne le gealladh.) Chum gun eirich gu maith dhuit, agus gu’m bi thu fad-shaoghalach air an talamh. Agus aithriche, na brosnaichibh bhur clann chum feirge; ach togaibh iad ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearna.” Ephes. vi. 1—5. A nis bha’n litir so air a scriobhadh, cha b’ann chum luchd-aiteachaidh rioghachd, na ducha, na baile, air fad; ach a chum nam fearaibh agus nam mnaibh, nam parantaibh agus na cloinne, agus nam maighstiribh agus nan seirbhaiseach a bha deanamh a suas eaglais Chriosd ann am baile Ephesuis—agus cha b’ann chum aon neach eile. Dh’ fhaodamaid co luath suil a bhi againn earail fhaotainn a dh’aon ghnothuch chum Phapanach, Mhahometanach, Hinduich, agus luchd-aiteachaidh China anns an litir so, ri aon do chloinn, mar biodh a chlann sin air an aideachadh nam buill do’n eaglais.—Ach ’nuair a tha daoine air an teannachadh le teanntachdaibh na riaghailt aca, tha e iongantach na h-ioraltan gus an d’theid iad, chum neart na fianuis is laidire agus is ro shoilleire a chur a thaoibh. A reir so, tha na Baistich a cathuchadh gu’m bu chlann chreideach iad air tighin gu h-aois, a chlann a bha air an earalachadh an so, comasach air seolaidhean an abstoil a thugsinn, air dhoigh eile nach scriobhadh e gan ionnsuidh, agus nam biodh so air aontachadh leis an sin nach robh ni sam bith anns an earrainn gu cathachadh an aghaidh am beachdannaibh nan cleachduinn, a chionn gun robh iad a’g aideachadh coir nan uile chloinne bha creidsinn air a bhi nam buill do’n eaglais. Anis, mu’n earrainn so thugaibh fainear, 1. Nach’eil an t-abstol a toirt an so an iomraidh is lugha air eadar-dhealuchadh a bhi eadar cuid do chlann nam parantan a bha nam buill do’n eaglais a bha ann an Ephesus, agus a chiud eile da’n cloinn; ach ga’n earalachadh ann am briathraibh coitchionn, na leithid do dhoigh is gu beachd a thoirt do neach sam bith nach’eil air a chuibhreachadh le barail air a h-altrum roimh laimh, gun robh e cialluchadh an iomlain do’n chloinn [TD 59] a bhuineadh do na buill aig a chomunn sin.—Mu’n earrainn thugaibh fainear, 2. Gum bheil na h-uile aobhar againn a chomh-dhunadh o’n chomh-cheangal, nach robh a chlann a bha air an earalachadh an so air fas a suas na nan cloinn air teachd gu h-aois; ach na aghaidh sin, gur clann og a bha annta eadhon a chlann sin uile a bha comasach air an teagasg bu lugha ghabhail, o’n cheud fhosgladh da’n tuigse agus os a chionn. Ma’s ann mar sin, ’s eigin gun robh iad nam buill roimh leithid sin do chomas; air dhoigh eile s’eigin duinn a shaoilsinn ceart co luath sa bha iad comasach air teagasg a ghabhail gu’n d’thainig iad gu bhi nam buill, agus gur e ’n comas so air teagasg a ghabhail a b’aobhar na bu reusan air iad a bhi nam buill.—Anns a cheathramh rann tha e air a radh, “Agus aithriche, na brosnaichibh bhur clann chum feirge: ach togaibh iad ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearna.” A nis, co iad a chlann a bha gu bhi air an togail ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearna, ach a cheart chlann sin a tha air an earalachadh anns a cheud rann gu bhi umhal d’am parantaibh fein san Tighearn? Agus ma bha chlann sin ri bhi air an togail ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearna, gu cinnteach cha bu chlann a thainig gu h-aois iad na air fas suas, ach clann a bha nan leanaban, air dhoigh eile bhiodh an earail na ni nach faodadh a bhith, agus an ni ceudna is a radh, Togaibh bhur clann a tha air an togail cheana ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearna! Bu choir do bheachd air aimsir na beatha sam bheil clann comasach air earailibh a ghabhail gu bhi umhal da’m parantaibh fein san Tighearn, agus a bhi air an togail ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearna, an connsuchadh a shocruchadh a thaobh na ceart aois aig cuid do’n chloinn sin. Is i aimsir na beatha sam bheil iad comasach air an leithidibh sin do dh’earailibh a ghabhail, an t-aon am agus an t-am ceudna ris a sin sam bheil iad comasach air a leithid sin do thogail. Agus is i aimsir na beatha sam bheil iad comasach a bhi air an earalachadh gu bhi umhal da’m parantaibh [TD 60] fein san Tighearn, agus a bhi air an togail leo ann an oilein agus ann an teagasg an Tighearn, a cheud fhosgladh aig an tuigse: agus uime sin, tha e air a dhearbhadh an so gun robh clann nan creideach nam buill do eaglais Chriosd ann an Ephesus, aig ceud fhosgladh na tuigse; agus ma bha e mar sin, gun doigh seachnaidh leanaidh e, gum b’eigin doibh a bhi nam buill roimhe sin.*—An dream sin a tha ’g aicheadh gum bu naoidheana o cheud fhosgladh na tuigse agus os a chionn, a chlann a tha air an earalachadh an so, faodaidh iad a chumail amach a cheart co cothromach agus le firinn, nach ’eil Solamh a cialluchadh leanabh beag ach leanabh air teachd gu h-aois, nuair a tha e’g radh, “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an coir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean, cha treig e i,” Gnath. xxii. 6. An dream sin a tha ’g aicheadh na firinn so, faodaidh iad a cheart co cothromach agus le firinn a chumail amach, nach robh Iosua a cialluchadh teagasg cloinne o cheud fhosgladh na tuigse agus os a chionn, ach amhain clann a thainig gu h-aois agus air fas a suas, nuair a thuirt e ris an da fhear-dheug a dheasaich e a clann Israeil, fear as gach treibh—“Rachaibh thairis roimh airc an Tighearna bhur De gu meadhon Iordain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a reir aireamh threubha chloinn Israeil: A chum is gu’m bi so na chomhara ’nar measg, a chum ’nuair a dh’fhiosraicheas bhur clann ’san am ri teachd, ag radh, Ciod is ciall duibh leis na clachaibh so? An sin gu’m freagair sibh iad, gu’n robh uisgeacha Iordain air an sgaradh o cheile roimh airc coimh-cheangail an Tighearna, ’nuair a chaidh i thar Iordan, gu’n robh uisgeacha Iordain air an sgaradh o cheile: agus bithidh na clachan so nan cuimhneachan do chlann Israeil gu brath,” Iosua iv. 5, 6, 7. An dream sin a tha’g aicheadh na firinn so, faodaidh iad a cheart co cothromach agus le firinn a chumail a mach, ’nuair a chuir Maois an ceill an aithne so an toiseach do na Israelich, “Tabhair onoir do t’athair agus do d’mhathair, mar a dh’aithn * Faicibh Pirie air an earrainn so, na Leudachadh air a Bhaisteadh. [TD 61] an Tighearna do Dhia dhuit; a chum gu’m buanaichear do laithean, agus gu’n eirich gu maith dhuit san fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit,” Deut, v. 16. nach robh e cialluchadh ach clann air fas suas agus air teachd gu h-aois, agus ni h-iad clann o cheud fhosgladh na tuigse agus os a chionn. Mar’eil sinn gu bhi tuigsinn clann o cheud fhosgladh na tuigse agus os a chionn, gu bhi air an cumail amach anns an earrann a thugadh air a h-aghaidh o’n litir chum nan Ephesianach, ni mo is urrainn e bhi air fheuchainn gu’m bheil sinn gu bhi tuigsinn an leithidibh sin do chloinn anns na h-earrannaibh a thugadh air an aghaidh o’n t-Seann Tiomnadh, Ach cha chuir a h-aon sam bith ann an teagamh nach iad an leithidibh sin do chloinn a tha air an cumail a mach anns na h-earrannaibh a thugadh air an aghaidh o’n t-Seann Tiomnadh; ni mo, uime sin, a bu choir do neach sam bith teagamh a chuir ann nach iad an leithidibh sin do chloinn a tha air an cumail a mach anns an earrainn a thugadh air a h-aghaidh o’n Tiomnadh Nuadh. Ach faodaidh e bhi air a radh, ged a dh’aontaichear leis gur iad clann o cheud fhosgladh na tuigse agus os a chionn a tha air an cumail a mach le Pol na litir chum nan Ephesianach, ciod a tha aige so ri dheanamh ris a ghnothach? cia mar a tha e comhdach gun robh a chlann sin air am baisteadh? Tha na h-uile ni aige ra dheanamh ris a ghnothuch, agus tha e comhdach co soilleir gun robh iad air am baisteadh, is a tha iomradh air am parantaibh anns an litir sin a comhdach gun robh iadsan air am baisteadh; ni bheil e na phuinc a tha air a chuir an teagamh, gum bheil coir aig buill eaglaisean a bhi air am baisteadh, agus, uime sin, tha dearbhadh air a chloinn sin a bhi nam buill na dhearbhadh air an coir air baisteadh, agus gun robh iad air am baisteadh.—Gidheadh, cha b’e baisteadh an t-aobhar air iad a bhi nam buill, ni air bith tuilleadh na bha’n timchioll-ghearradh na aobhar air naoidheana nan creideach a bhi nam buill san eaglais fuidh linn an t-Seann Tiomnaidh. Cha d’rinn an timchioll-ghearradh an leithide sin do naoidheana nam buill; ach do bhrigh [TD 62] gun robh iad nam buill an lorg an ceangail ra’m parantaibh, fhuair iad an timchioll-ghearradh mar aithneachadh agus aideachadh follaiseach air iad a bhi nam buill. Ni mo is e baisteadh a tha deanamh cloinne nam buill do’n eaglais, ach iad a bhi nam sliochd do pharantaibh creideach: agus cha’n’eil anns a bhaisteadh amhain ach aideachadh follaiseach leis an eaglais air iad a bhi nam buill. Ged a tha sinn an duil gun do lan-dhaighnich sinn am beachd, gun robh creidich agus an sliochd o thoiseach, agus gum bheil fathast nam buill do dh’eaglais De; gidheath, cuiridh sinn beagan tuillidh nithe ris, a treoruchadh gu dhaighneachadh na thuirt sinn a thaobh cloinne bhi nam buill eaglais ri linn nan abstol, agus fuidh ’n fhrithealadh a tha lathair, agus a tha ’g amharc cosmhuil ri bhi do thuigsinn o bheachd an taoibh eile. 1. Cha’n’eil an t-iomradh is lugha air a thoirt aon chuid san t-Seann Tiomnadh na san Tiomnadh Nuadh, mu dhruideadh a mach naoidheana nan creideach o’n eaglais fhaicsinnich fuidh fhrithealadh a chreidimh Chriosdui. Ma ghabh a leithid do dhruideadh a mach cudthromach aite—druideadh amach a dh’ atharaich gu buileach an steidh air an do thagair Abraham agus naoimh an t-Seann Tiomnaidh airson buanachadh na h-eaglais, carson nach’eil iomradh air a dheanamh air, na sanas air a thoirt ma thimchioll; aon chuid anns an t-Seann Tiomnadh na anns an Tiomnadh Nuadh? agus cia mar a tha e comasach, nach robh a chumail bu lugha riamh air a toirt na aghaidh aon chuid le Iudhaich chreideach na mhi-chreideach? Is e’n t-aobhar fior—an t-aon aobhar a dh’fhaodar a thoirt air a shon so, nach’eil aon iomradh air a dheanamh air a leithid a ni, agus nach’eil aon chunnail air a cuir sios na aghaidh, is e, nach do thachair riamh a leithid so do dhruideadh a mach; agus, uime sin, tha ughdaras againne tagradh airson buanachadh na h-eaglais, air a cheart steidh air an do thagair Abraham airson a bheannachaidh so. Bha eaglais De air a togail, fuidh gach frith- [TD 63] ealadh, air a choimh-cheangal cheudna. Cha robh eaglaisean eadar-dhealuicht air an cois anns an t-saoghal, ach aon eaglais a seasamh fuidh fhrithealaidh eadar-dhealuichte. Is i’n aon eaglais mhairsinneach a tha air seasamh o thoiseach, fuidh fhrithealadh Adhaimh, fuidh fhrithealadh a Phriomh-athair, fuidh fhrithealadh Mhaois, agus fuidh fhrithealadh a chreidimh Chriosdui; agus tha’n eaglais so air a steidheachadh air agus a buanachadh air a dheanamh daingean leis an aon a choimh-cheangal cheudna.—“Bithidh mi ann am Dhia dhuitse, agus do d’ shliochd;” gealladh a tha air a thoirt do gach creideach a tha air aonadh ris an Tighearna, agus ra shluagh. 2. Tha gach ni anns an t-Seann Tiomnadh agus anns an Tiomnadh Nuadh, a tha gabhail gnothuich ri naoidheana nan creideach fuidh fhrithealadh a chreidimh Chriosdui, aon chuid a toirt gnuis na a lan dhaighneachadh an ceangail ris an eaglais. Tha sinn a cuir sios nan earrannaibh a leanas o’n t-Seann Tiomnadh agus o’n Tiomnadh Nuadh, mar eiseimpleir air inntinn an spioraid a thaobh coir clann nan creideach ann an coimh-cheangal nan gras, agus na lorg sin an ceangal ris an eaglais fuidh rioghachadh Mhesiais—“Mairidh clann do sheirbhaiseach, agus daighnichear an sliochd a’d’ fhianuis:” Salm cii. 28. “Mar sin bheir iadsin o’n Iar urram do ainm an Tighearn; agus iadsan o eirigh na greine d’aghloir; an uair a thig an namhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh. Agus thig am Fear-saoraidh gu Sion, agus da’n ionnsuidh-san a thionndaidheas o easaontas ann an Iacob, deir an Tighearn: Agus air mo shonsa, so mo choimh-cheangal riu, deir an Tighearn; mo spiorad a ta ortsa, agus mo bhriathran chuir mi ann ad bheul, cha dealuich iad ri d’ bheul, na ri beul do shliochd, na ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearn, o’n am so eadhon gu siorruidh:” Esa. lix. 19—21. “Oir is mise an Tighearn, leis an ionmhuinn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais-loisgte; agus cuiridh mi air adhart an obair ann am firinn; agus coimh-cheangal siorruidh ni mi riu; agus aithnichear [TD 64] an sliochd am measg nan cinneach, agus an gineil am measg nan sluagh; na h-uile chi iad, aidichidh iad gur sliochd iad a bheannuich an Tighearn:” Esa. lxi 8, 9. “Cha saoithrich iad gu diomhain, ni mo ghineas iad sliochd chum dragha; oir is iad siol dhaoine beannuichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu:” Esa. lxv. 23. “Mar so deir an Tighearn, Feuch bheir mis’air a h-ais bruid phailliunn Iacoib, agus air ’ionada-comhnuidh ni mi iochd, agus togar a’ chathair air a torr fein, agus bithidh an luchairt a reir a nois fein air a daighneachadh. Agus a mach asda thig buidheachas, agus guth na muinntir a ni gairdeachas: agus ni mise lionmhor iad, agus cha bhi iad tearc; ni mi fos gloirmhor iad, agus cha bhi iad suarach. Bidh an clann fos mar roimhe so, agus bidh an coimh-thional air a dhaighneachadh ann am lathair-sa, agus ni mi peanas air gach neach a sharuicheas iad:” Ier. xxx. 10—21. “Feuch, tionailidh mis’iad as na h-uile dhuchannaibh gus an d’ fhogair mi iad ann am chorruich, agus ann am bhoile, agus ann am mhor-fheirg; agus bheir mi chum an aite so iad a ris, agus bheir mi orra comhnuidh ghabhail gu tearuinte. Agus bidh iad dhomhsa nan sluagh, agus bidh mise dhoibh san a’ m’ Dhia. Agus bheir mi dhoibh aon chridhe, agus aon slighe, a chum is gu’m bi m’ eagal-sa gu brath orra, chum an leas fein, agus leas an cloinne nan deigh. Agus ni mi riu coimh-cheangal siorruidh, nach pill mi air falbh uatha, chum maith a dheanamh dhoibh; agus cuiridh mi m’ eagal nan cridhe, chum nach dealuich iad rium:” Ier xxxii. 37—41. “Deanaibh aithreachas, agus bithibh air bhur baisteadh gach aon agaibh ann an ainm Iosa Criosd, chum maitheanais peacaidh, agus gheibh sibh tiodhlacadh an Spioraid naoimh. Oir a ta ’n gealladh dhuibhse agus d’ ar cloinn agus do na h-uile a ta fad o laimh, eadhon a mheud ’sa ghairmeas an Tighearn ar Dia:” Gniomh ii. 38, 39. “Agus thug iad leanabana d’a ionnsuidh, chum is gu’m beanadh e riu; agus chronuich a dheisciobuil a’ mhuinntir a thug leo iad, ach an uair a chunnaic Iosa sin, bha e ro dhiombach, agus thuirt e riu, Leigibh do na leanabanaibh teachd a m’ ionnsuidh, agus na bac- [TD 65] aibh iad: oir is ann da’n leithidibh a ta rioghachd Dhe: Gu deimhin a deirim ruibh, Ge b’e neach nach gabh rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach d’ theid e gu brath a steach innte, Agus ghlac e ’na uchd iad: agus chuir e a lamhan orra, agus bheannuich e iad:” Marc. x. 13—17. A nis, tha sinn ga fhagail do neach sam bith neo-leth-bhreitheach gu breith a thoirt a dh’ fheuchainn nach ’eil an Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh a labhairt anns an h-earrannaibh sin anns an aon mhodh mu thimchioll clann nan creideach; agus a dh’ fheuchainn nach ’eil comh-chordadh buileach air an t-seanachas so eadar cainnt Chriosd agus abstola, agus cainnt nam faidhean o shean? Gu cinnteach, mar’eil sliochd nan creideach gu buanachadh anns an eaglais—mar’eil iad gu bhi air an aideachadh mar shiol dhaoine beannuichte an Tighearna ann an laithibh an t-soisgeil—mar ’eil coir aca maille ra’m parantaibh ann an geallannaibh a choimh-cheangail shiorruidh—mar’eil e maille riu san, a thaobh sochairean an leth a muigh, mar a bha e maille ri cloinn roimhe so—mar’eil iad a nis nan iochdarana faicsinneach ann ri rioghachd Dhe, feumaidh sinn amharc ri ughdaras eigin eile airson an druideadh a mach o’n eaglais, seach ri faidheadaireachd nam faidhean, ri briathraibh ’ar Tighearna, agus ri fianuis an luchd steidheachaidh chreideasaich aig a rioghachd anns an t-saoghal. Am feadh uime sin a tha Baistich a cur an ceill, gu’m bheil naoidheana nan creideach air an druideadh a mach o’n eaglais, agus nach bu choir dhoibh a bhi air an aideachadh le baisteadh mar mhuinntir a tha ceangailte rithe, tha sinn gu suidhichte a togail fianuis an aghaidh an druideadh a mach; agus a seasamh an corach gu bhi air am baisteadh, oir mar sin dh’aithn’ an Tighearna dhuinn, ag radh, Is iad siol dhaoine beannuichte an Tighearna;” agus “is ann da’n leithibibh a ta rioghachd neimh. Ni ’m bheil an aithne gu naoidheana nan creideach aideachadh le baisteadh mar dhream a tha ceangailte ris an eaglais na’s doirche anns na h-earrannaibh sin, na tha an aithne (a tha Pol agus Barnabas a ’g ainmeachadh Gniomh. xiii. 47. anns na [TD 66] briathraibh sin) “Chuir mi thu mar sholus do na Cinnich,” a shearmonachadh an t-soisgeil do na Cinneachaibh.* 3. Tha ughdaras ar Tighearna da abstolaibh, ’nuair a chuir e iad a mach a bhaisteadh, agus an doigh air an robh iad ga chuir an gniomh a taisbeanadh gu lan shuidhichte nach robh sliochd nan creideach air an druideadh a mach o’n eaglais, na o bhaisteadh. “Agus air teachd do Iosa, labhair e riu, ag radh, Thugadh dhomhsa gach uile chumhachd air neamh agus air talamh. Uime sin imichibhse, agus deanaibh deisciobuil do gach uile chinneach, ’g am baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh: A teagasg dhoibh gach uile nithe a dh’aithn’ mise dhuibh a choimhead: Agus feuch, a ta mise maille ruibh a ghnath, gu deireadh an t-saoghail. Amen.” Mata xxviii. 18—20. Be’n t-ioghnadh e! gum biodh so air a thoirt fainear mar na briathran aig an druideadh a mach, a thaobh naoidheana. Ni ’m bheil fir, na mnathan, na clann, an so air leth air an ainmeachadh: oir tha cinnich air an deanamh a suas do chloinn co maith ri muinntir a thainig gu h-aois. A nis, cia mar a bha na h-abstoil gu deisciobuil a dheanamh do na h-uile—am moran chinneach a bha mu thimchioll a bhi air am beannuchadh ann an Abhraham? Gu cinnteach anns an doigh a bha air a chleachduinn fad linntinn; na ma bha atharachadh sam bith gu aite ghabhail, anns an doigh air deisciobuil a dheanamh do dhaoinibh. na nan cuir ris an eaglais, carson nach robh e air ainmeachadh? Nam b’e ’s gum biodh an t-ordugh a ruidh mar so, “Imichibhse, uime sin, agus deanaibh deisciobuil do gach uile chinneach, ga’n timchioll-ghearradh;” agus mar sin sios; co riamh a smaointicheadh na leithid sin do chas gun robh naoidheana air an druideadh a mach?† Agus carson a bhiodh e air a smaointeachadh gu bheil clann air an druideadh a mach * Faicibh Rannsuchadh air Litrichibh air Baisteadh Criosdui anns an Teachdaire Chriosdui airson mios toiseach an Earraich 1821. † Faicibh Searmoin Bhostuich air Baisteadh Naoidheana. [TD 67] a nis, a chionn gur i’n aithne deanaibh deisciobuil agus baistibh? Tha ’n dream a tha cur na’r n-aghaidh a freagairt—Do bhrigh gu bheil daoine air an deanamh nan deisciobuil le teagasg, agus is i’n aithne, deanaibh deisciobuil an toiseach, agus an sin baistibh; ach cha’n urrainn deisciobuil a bhi air an deanamh do naoidheana, do bhrigh nach urrainn dhoibh a bhi air an teagasg, agus air an aobhar sin, cha bu choir dhoibh a bhi air am baisteadh. Is fior—gu bheil daoine air an deanamh nan deisciobuil le teagasg, agus nach’eil iad gu bhi air am baisteadh gus am bheil iad air an teagasg; ach cia mar a tha naoidheana air an deanamh, na mar is fearr a dh’ fhaodar a radh air an aideachadh nan deisciobuil? Cia mar a bha iad air an aideachadh nan deisciobuil do dh’ Abraham, na do Mhaois? Cia mar a bha e dh’ fhiachaibh orra uile thoil fhoillsichte Dhe a chomh-lionadh? Nach robh iad air an aideachadh nan deisciobuil, le timchioll-ghearradh fhaotainn air steidh aidmheil am parantaibh, a bha fuidh fhiachaibh trid an timchioll-ghearraidh fein an togail suas anns a chreidimh fhior? Agus an uair a thuirt Peadar anns an eaglais an Ierusalem, ann an daimh ris an oidhirp a bha ga toirt gu impidh a chuir air an eaglais a bha ann an Antioch gu bhi air an timchioll-ghearradh a reir gnatha Mhaois, “C’arson uime sin a nis a ta sibh a’ cur cathachadh air Dia, le cuing a chur air muineal nan deisciobul, nach robh aon chuid ar n-aithriche na sinne comasach air a giulan?” nach robh e cialluchadh, gun robh a chuing sin gu bhi air a cur air naoiheana? Agus ma bha e mar sin, ’s eigin gu bheil naoidheana nan deisciobuil, oir bha chuing sin gu bhi air a cur air muineal nan deisciobul amhain; uime sin, tha naoidheana nan creideach nan deisciobuil, ged a tha iad re uine neo-chomasach air a bhi air an teagasg.* Na’m b’e ’s gu’m bi aithne ar Tighearna d’a abstolaibh daoine iompachadh gu creidimh nan Iudhach, fathast b’iad na briathran a bhiodh air an gnathuchadh deanaibh deisciobuil agus timchioll-ghearraibh. Cha * Faicibh Searmoin Bhostuich air Baisteadh Naoidheana. [TD 68] do thimchioll-ghearr na h-Iudhaich an iompachain an toiseach, agus na dheigh sin deisciobuil a dheanamh dhiu—rinn iad an toiseach deisciobuil do dhaoinibh do chinnich eile le’n teagasg, agus ’nuair a rinn iad sin a leithid do dh’aideachadh air a chreidimh fhior sa bha san am sin air iarruidh, timchioll-ghearr siad iad maille ra’n teaghlaichibh; is e sin, maille ra’n gineil uile a thainig gu h-aois agus an seirbhaisich a’ rinn aidmheil iomchuidh air a chreidimh, agus mar an ceudna an naoidheana. Bhiodh e co mi-chothromach a radh, fuidh na frithealaidh roimhe, “Imichibhse, timchioll-ghearraibh agus deanaibh deisciobuil,” is a bhiodh e radh a nis, “Imichibh-se, baistibh agus deanaibh deisciobuil.” Agus na’m biodh cainnt iomchuidh a’g iarruidh, “Imichibse, deanaibh deisciobuil agus timchioll-ghearraibh,” fuidh linn Abrahaim agus Mhaois, ’nuair a bha clann gu bhi air an timchioll-ghearradh, cia mar is urrainn “Imichibhse, deanaibh deisciobail agus baistibh,” fuidh linn Mhesiais, le mineachadh cothromach, soilleir, na ceart air bith, a bhi air a thoirt gu clann nan creideach a dhruideadh a mach o bhaisteadh? Ach is tric a bha e air a thoirt air aghaidh, gun do thimchioll-ghearr Abraham “uile dhaoine a thighe, a rugadh na thigh, agus a cheannachadh le h-airgiod o choigreach;” agus uime sin, air do cheannard tighe aidmheil a dheanamh, ma thainig am baisteadh an aite an timchill-ghearraidh, gur coir dhuinn a fhrithealadh anns an doigh choitchionn cheudna. Agus carson nach fritheil, ma tha leithid dh’ aidmheil air creidimh air a dheanamh le muinntir a thainig gu h-aois a rugadh san tigh, na le traillibh a cheannachadh le airgiod maighstir an teaghlaich is a tha nis air iarruidh? Tha fhios againn gu’n d’ thug Abhraham aithne cha’n’e mhain da chloinn, ach mar an ceudna do mhuinntir a theaghlach uile na dheigh, agus gun do ghleidh iadsan slighe an Tighearna, na gun d’rinn iad a leithid sin do dh’aideachadh o’n leth a muigh air a chreidimh, is a thug coir dhoibh air ordugh an timchill-ghearraidh. Bha eagal an De fhior air Abraham re uine fhada mun robh e air a thimchioll-ghearradh, agus bha a theaghlach [TD 69] mar an ceudna air an teagasg ann an eagal agus ann an seirbhais Dhe; uime sin, bha iadsan a rugadh na thigh, agus a cheannachadh le airgiod-san, air an deasuchadh, le leithid sin do choslas diadhachd o’n leth a muigh sa bha air iarruidh ann an staid anabuich na h-eaglais san am sin, chum an timchioll-ghearradh fhaotainn: oir, cha’n’eil aon aobhar againn a smaointeachadh gun robh dream sam bith air teachd gu h-aois ann an teaghlach a phriomh-athair nach d’rinn aidmheil air a chreidimh fhior. Ma bha aon sam bith da’n leithidibh sin ann, cha’n’eil e cosmhuil air doigh sam bith gum faigheadh iad an timchioll-ghearradh; oir cha’n’eil steidh sam bith againn gu chomh-dhunadh gu’n robh an timchioll-ghearradh gu bhi air a fhrithealadh do’n dream a thainig gu h-aois gun suim sam bith do iad a bhi ’g aideachadh creidimh ann an Dia Abrahaim. ’Nuair a tha Dia ag radh ris a phriomh-athair, “Timchioll-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear a’ d’ thigh, agus esan a cheannachar le t’ airgiod: agus bithidh mo choimh-cheangal ’nar feoil-sa mar choimh-cheangal siorruidh;” tha e air ball a cur ris, “Agus an leanabh mic neo-thimchioll-ghearrta, aig nach timchioll-ghearrar feoil a roimh-chroicinn, gearrar an t-anam sin amach o shluagh: bhris e mo choi’-cheangal,” Gin. xvii. 13, 14. Tha so, gu cinnteach, a giulan a bheachd, gum faodadh firionnaich a bhi ann an tigh Abrahaim nach robh air an timchioll-ghearradh; ach ma thachair sin, nach robh aig an lethidibh sin cuibhrionn fhaicsinneach ri sluagh Dhe, na coir na choi’-cheangal. Cha’n’eil e’g amharc cosmhuil, ’nuair a cheannaich Iudhach traill a bha na fhear iodhol aoraidh, o mhaighstir geintileach, gun robh e dh’fhiachaibh air a thimchioll-ghearradh air ball. “Agus thuirt an Tighearna ri Maois agus ri h-Aaron, so ordugh na caisge, cha’n ith coigreach sam bith dhith. Agus gach seirbheiseach duine, a cheannaicheadh le h-airgiod, an uair a thimchioll-ghearras tu e, an sin ithidh e dhith,” Ecsod. xii. 43, 44. Tha chainnt so a cialluchadh gu soilleir, gum faodadh Iudhach seirbhaiseach ceannuicht’ a bhi aige [TD 70] na thigh nach robh air a thimchioll-ghearradh, agus an uair a rinn a leithid sin do neach aidmheil air a chreidimh ann an Dia, agus a bu mhiannach leis a chaisg itheadh, ceart mar ann an cor a choigrich a tha air ainmeachadh anns na rannaibh a tha leantuinn, an sin gun robh e feumail gum biodh a cheangal ri sluagh Dhe, agus a choir nan sochairibh, air an aideachadh le ordugh an timchioll-ghearraidh a fhrithealadh dha. Cha b’e, uime sin, a bhi air a bhreith ann an tigh Iudhaich, na bhi air a cheannach le airgiod-san, a thug coir do’n mhuinntir a thainig gu h-aois air an timchioll-ghearradh, ach aidmheil a dheanamh air a bhi creidsinn ann an Dia Israeil. Agus ni’m bheil e cothromach gu reusonachadh, a chionn gun robh Abraham air a thimchioll-ghearradh maille ra theaghlach, uime sin, air an steidh cheudna, ma tha baisteadh air tighin ann an aite an timchioll-ghearraidh, air do cheannard teaghlaich am measg nan cinneach aidmheil a dheanamh air a chreidimh Chriosdui, nach e mhain gur coir da naoidheana uile, ach mar an ceudna da uile sheirbhaisich agus da thraillean a bhi air am baisteadh. Cha’n’eil na cuisean comh-ionnan idir. Bha Abraham agus a theaghlach air an deanamh nan deisciobuil, agus dh’aidich iad am fior chreidimh, fada mun robh iad air an timchioll-ghearradh; ach tha mhuinntir a tha air teachd ann an teaghlach neach a tha air iompachadh am measg nan cinneach, gu tric, nuair a tha leithid sin do dh’iompochadh a tachairt, tur aineolach air a chreidimh Chriosdui, agus nan coigrich da aideachadh ma tha aon air bith dhiu aig am bheil eolas air a chreidimh fhior agus a tha ri aidmheil chreideasach air, mar a rinn seirbhaisich agus truaillean Abrahaim, an sin cha’n’eil ni sam bith chum am bacadh o bhi air am baisteadh. Bha cuis Chorneliuis an Cinneach, “a bha na dhuine crabhach, agus air an robh eagal De maille r’a thigh uile,” cosmhuil ri cuis Abrahaim, agus cha’n fhaodadh neach sam bith uisge thoirmeasg, chum gu’m biodh esan agus a chuideachd uile air am baisteadh. Ach an doigh air am bheil sinn ri deisciobuil a dheanamh ann am measg nan cinneach, le teagasg, agus an sin a baisteadh na [TD 71] dream a tha ri aidmheil choltach air a chreidimh, maille ra’n naoidheanaibh, agus a mheud da’n sliochd sa thainig gu h-aois agus da’n seirbhaisich sa tha ris an aidmheil cheudna, tha na h-uile reusan againn a chreidsinn, gum be’n ceart mhodh ceudna anns an d’rinn na h-Iudhaich deisciobuil agus an do thimchioll-ghearr iad coigrich agus an teaghlaichean.—Cha’n urrainn dhuinn aon doigh fhaicinn, (na’s lugha na bhiodh e air a radh le Iosa, “Imichibhse, deanaibh deisciobuil do gach uile chinneach, ’gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid naoimh, ach anns gach cuis a fagail na cloinne aig na deisciobuil aidmheilach gun bhaisteadh,”) air an robh e comasach do na h-abstolaibh an Tighearn agus am Maighstir a thuigsinn ann a bhi druideadh a mach naoidheana nan creideach o bhaisteadh; gu h-araid ’nuair a bheir sinn fainear an doigh air deanamh dheisciobnl do dhaoinibh a bhuadhaich gu ruige so, agus a bhrigh a b’ eigin do na h-abstoil a cheangal ris an aithne so gu deisciobuil a dheanamh do na cinnich: oir, o nach robh seorsa sam bith dhaoine anns na duchannaibh air an druideadh amach tha ’n comh-dhunadh do-sheachnadh, gun robh na h-uile seorsa dhaoine a bha deanamh a suas nan duchannaibh, gun eadar-dhealuchadh na fagail a mach, comasach air a bhi air an deanamh nan deisciobuil, agus uime sin air a bhi air am baisteadh. Gu firinneach, tha’n a tha againn do dh’eachdrai na h-eaglais ann an linn nan abstol, uile gu leir eu-cosmhuil ri scriobhadh sam bith air doigh dol air aghaidh nam Baisteach ann an sgaoileadh an t-soisgeil ann an duchannaibh nan cinneach.—Cuin a leughas sinn nan leabharichibh mios, na raithe, na bliadhna, nan cunntais o am gu h-am ma leithid so na leithid sud a mhnaoi do na cinnich a bhi air a h-iompochadh agus air a baisteadh maille ra teaghlach? na mu lethid so na leithid sud do dhuine do na cinnich a bhi air iompachadh agus air a bhaisteadh, e fein, agus a mhuinntir uile, gun dail? Ach nuair a thionndaidheas sinn a dh’ionnsuidh an Tiomnaidh Nuaidh, cha ’n fhaigh sinn, ann an aon eiseimpleir, an t-iompachadh agus am baisteadh aig [TD 72] ceannard teaghlaich air an cuir sios ann an doigh air bith eile. Gheibh sinn an sin baisteadh nan creideach, maille ra’n teaghlaichibh, co aca a bha iad nan Iudhaich na nan Cinnich, air a chuir sios mar ni coitchionn—mar ni nach do dhuisg ioghnadh sam bith—ni a bi chleachduinn aithnichte agus choitchionn: ann an aith-ghhearr, air a chur sios anns a cheart doigh cheudna anns am faodadh duil a bhi againn ri timchioll-ghearradh chreideach agus an teaghlaichean a bhi air a chur sios, nam biodh an sean ordugh air buanachadh, agus deisciobuil fhaicsinneach coimh-cheangail Abrahaim air buanachadh an ni ceudna a bha iad roimhe. Mar so bha Cornelius air a bhaisteadh maille ra theaghlach—bha fear coimhead a phriosain ann am Philipi air a bhaisteadh, e fein agus a mhuinntir uile—agus bha Stephanas mar an ceudna air a bhaisteadh maille r’a theaghlach. Ni mo bu choir dha bhi air a dhearmad, gur ann le fior dhroch choslas a tha Baistich a diteadh ar cleachduinn, ag radh, nach’eil eiseimpleir na aithne airson clann a bhaisteadh—o nach urrainn dhoibhsan an t-aon ni nan ni eile a thoirt air aghaidh ann an cumail suas an cleachduinn fein, anns an ni sam bheil iad a’g eadar-dhealuchadh uainne a thaobh na muinntir a thainig gu h-aois. Ann e bhi na ni cothromach cinnich a thainig gu h-aois a bhaisteadh, air dhoibh a bhi air an iompachadh chum a chreidimh Chriosdui, tha sinn a dh’aon bheachd rius agus a deanamh mar sin mar an ceudna; uime sin, anns a chuid so da’n riaghailt, co fada sa bhuineas e do’n dream aig am bheil coir air, cha’n’eil eadar-dhealuchadh ann. Ach is e eadar-dhealuchadh na riaghailt acasan co fada sa tha iad a toirt fainear do dh’ ordugh a bhaistidh, a bhi g’ ath-bhaisteadh cloinne luchd-aidmheil, a bha air am baisteadh cheana. A’ nis, ga leigeadh seachad car tiota gar e baisteadh aon chuid dortadh na crathadh, agus a’g aontachadh, air sgath argumaid, gur e cuir fodha amhain baisteadh; gidheadh chathaicheadh iad air an aon doigh am feum a bha acasan a chaidh a chuir fodha air a bhi air ath-bhaisteadh, co maith ris an dream a chaidh a chrathadh nan [TD 73] naoidheanachd. Gidheadh, mar sin tha e tachairt, nach comasach dhoibh a thoirt o na scriobtuiribh naomha, aon eiseimpleir dheth, na aithne air son baisteadh muinntir a thainig gu h-aois a bha air am breith o pharantaibh Criosdui; ach a b’eigin reir an riaghailt-san a bhi air am fagail gun bhaisteadh nan naoidheanaibh. A nis, co fada sa tha iad a cleachduinn baistidh, is e so an t-aon suaith chiontas amhain aig an riaghailt aca—sin ri radh, a bhi ’g ath-bhaisteadh muinntir a thainig gu h-aois a bha air am breith a pharantaibh Criosdui; agus, ann an cumail suas an suaith chiontais so, cha’n urrainn dhoibh aon chuid faileus do dh’aithne, na do dh’ eiseimpleir a chuir a lathair. Uime sin, tha sinn gu radh a rithist, gu bheil a bhi diteadh ’ar cleachduinn ann a bhi baisteadh naoidheana nan creideach, mar nach biodh aca aon chuid cultaice do dh’aithne na do dh’eiseimpleir, a tighin o’n leithidibh sin do dhaoinibh le aogus anabarrach olc. 4. Anns na h-uile taisbeanadh a tha againn mu rioghachd neimh, na eaglais an t-soisgeil air thalamh, tha aite ro chomharaichte aig cloinn; agus dheanadh a bhi air an druideadh amach gu buileach o’n eaglais, neul soilleir do fhior choslas a tha aice ri rioghachd fhior agus neo-fhaicsinneach Dhe, a thoirt uaipe gu tur. Ciod! am bheil sinn gu chreidsinn gun do sheas eaglais Dhe, agus gun seas r’e uine fhada air thalamh, agus sin na staid is ro-ghloirmhoire, agus sa cheum is ro-dhluithe do choslas ri fior rioghachd Dhe ann an gloir—agus gidheadh, re na h-uine sin uile, nach’eil uiread is aon naoidhean ri bhi air aideachadh gu bhi ann an ceangal faicsinneach rithe? ’S iongantach da rireadh, gun aidicheadh a mhuinntir a tha ’nar n-aghaidh gum bi iomadh naoidhein nam buill do rioghachd neimh ann an gloir; ’nuair a tha iad a druideadh a mach an t-iomlan da’n leithidibh sin do chloinn o rioghachd fhaicsinneach neimh air thalamh; agus mar so a bhi ’g oidhirpachadh gu follaiseach, an eaglais air thalamh a dheanamh eu-cosmhuil ris an eaglais air neamh; agus na ’s gloine na staid san am a ta lathair, seach na staid ghloraichte san am ri teachd ann an sonas agus [TD 74] an neo-bhasmhorachd, Ma tha ’n oigridh air an toirt do Chriosd co-lionmhor ri braonaibh an druchd aig soillseachadh na maidne, mar a tha ’n treas rann do’n deicheamh Salm thar an coig fichead a cuir an ceill, air dhi bhi air a h-eadar-theangachadh gu cothromach—ma tha naoidheana agus clann bheag air am beannuchadh le Iosa, agus air an ainmeachadh leis na rioghachd—ma dh’aidich abstoil Chriosd iad ann a bhi buntuinn do na ceud eaglaisean agus do na h-eaglaisean bu ghloine a bha riamh ann, na faodaidh e bhith a bhitheas gu brath air thalamh; ciod i an steidh air a daighneachadh le ughdaras Dhe anns an fhirinn, leis am bheil na Baistich le h-aon toil a diultadh aideachadh mar ann a bhi buntuinn da ’n eaglaisean, sliochd og nam ball aca, muinntir nach d’ rinn fathast, aon chuid maith na olc a chuir an gniomh; agus mar so tha labhairt ra’n leithidibh sin ann an doigh comh-ionann ri briathraibh na coigeamh rann do’n chaibideal so, “Fan agad fein, na d’thig am fagus domhsa, oir is mis’ i’s naomha na thusa?” Esa. lxv. 5. Ach faodaidh e bhi air a thilleadh air ais—“Cha d’ rinn naoidheana nan daoine mi-dhiadhaidh aon chuid olc na maith a chuir an gniomh; agus aidichidh sibh gu bheil lionmhoireachd dhiu ann an coimh-cheangal nan gras, mar a tha e soilleir o’n gairm eifeachdach air dhoibh teachd gu h-aois; ni mo a bhitheas sibh co dana ’s gun abair sibh gu’m bheil an dream dhiu a tha basachadh nan naoidheanaibh air an druideadh a mach o rioghachd neimh ann an gloir; carson uime sin nach’eil sibh gam baisteadh uile nan naoidheanaibh gun eadar-dhealuchadh, do bhrigh nach ’eil comhara sam bith orra leis am bheil e comasach dhuibh a chuid dhiu a bhios air an sabhaladh aithneachadh, o’n chuid dhiu bhios air an call?” Dha so tha sinn a freagairt:—“Tha sinn aoibhneach gu bheil lionmhoireachd do shliochd og nan daoine mi-dhiadhaidh (ann an run faluichte Dhe) nam muinntir aig am bheil coir neo-fhaicsinneach ann an coi’-cheangal nan gras, mar a tha e soilleir o’n gairm eifeachdach nuair a tha iad a teachd gu h-aois; ni mo a tha toil againn dol a chonn- [TD 75] suchudh mu shlainte shiorruidh cloinne air bith a tha basachadh nan naoidheanachd, na chuir an ceill nach’eil iad sin uile ann an coimh-cheangal nan gras; gidheadh, ged fhaod sinn a bhi toileach an t-iomlan a thoirt a suas a b’urrainn neach sam bith a mhiannachadh air a phuinc so, chuireamaid gu tulchuiseach an aghaidh a h-aon da’n leithidibh sin do naoidheana a bhaisteadh, direach mar a chuireamaid an aghaidh an timchioll-ghearradh, nam biomaid air a bhi ann fuidh na frithealaidh a bha ann roimhe, oir am feadh a bha na ceart nithe ceudna seasamh fior a thaobh naoidheana luchd-iodhoil-aoraidh ann an laithibh Abrahaim agus Mhaois, is a tha seasamh fior a thaobh naoidheana ana-creideach san am a ta lathair, gidheadh cha robh a h-aon da ’n leithidibh sin do chloinn air an timchioll-ghearradh roimhe so; agus do bhrigh gur e’n coimh-cheangal ceudna tha ann, cha bu choir do dh’aon da’n leithidibh sin a leanaban a bhi nis air am baisteadh, gidheadh, rinn a bhi ’g aideachadh roimhe le timchioll-ghearradh, agus a bhi ris a nis le baisteadh an ceangal-eaglais aig clann sluagh Dhe an samhluchadh a tha eadar rioghachd Dhe air thalamh agus ann an gloir a lan chumail a suas, agus cha deachaidh fhulang do choslas faicsinneach na rioghachd neo-fhaicsinneach sin, a bhi air fhoillseachadh gu tur eu-cosmhuil ri ciod a tha e ann am firinn.” Mar so, tha’n tosd buileach a tha Scriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh a gnathuchadh a thaobh druideadh a mach clann nan creideach o’n eaglais; a ghnuis na an t-aontachadh soilleir, a tha faidhean agus abstoil, agus Criosd fein a toirt airson gu’m biodh iad innte, an nadur coitchionn agus fillte aig aithne an Tighearna da abstolaibh gu deisciobuil a dheanamh do na cinnich agus am baisteadh; agus an doigh air an d’ thug iad umhlachd do’n aithne so; maille ris an ni a tha fagail soilleir clann a bhi air am filleadh anns na h-uile taisbeanadh o’n scriobtuir a tha againn mu eaglais an t-soisgeil mar rioghachd Mhesiais; tha so uile a daighneachadh agus a neartuchadh a bheachd a thug sinn air a cheangal [TD 76] eaglais a tha eadar creidich agus an sliochd anns gach linn do’n t-saoghal. Ach tha e ro-chleachdta le Baisteach, nuair a chumas aon air bith a mach mar a tha clann nan creideach nam buill do’n eaglais, fheoraich le fiamh do bhuaidh chaithreim, “Ma tha clann nam buill, carson nach leig sibh air an aghaidh iad dh’ ionnsuidh uile orduighean na h-eaglais—dh’ionnsuidh uile shochairean sluagh Dhe?” Ach ged dh’fhaodadh e bhi cruaidh oirn freagradh lan thaitneach a thoirt do’n cheist so, ni nach’eil air chor sam bith, ach eadhoin ged a bhitheadh, ma bha sinn a creidsinn gu diongmhalta ann an cloinn a bhi nam buill do’n eaglais, cha bhiodh e na aobhar maith sam bith airson, an diultamaid an aideachadh nam buill, do bhrigh gun robh sinn ann an teagamh a thaobh na doigh anns am bu choir dhuinn an gnathuchadh air dhoibh fas a suas, a thaobh orduighean agus shochairean eile a bhuineas do chreidich air teachd gu h-aois a tha nam buill eaglais.—Dh’ith an t-iomlan do’n chloinn a bha air an timchioll-ghearradh an t-uan-caisge, tha na Baistich ag radh; uime sin, nam biodh sibh gu dol ’ur n-aghaidh gu cothromach, bu choir do’n chloinn uile tha air am baisteadh Suipeir an Tighearn itheadh. Gun a chunnail so chuir an neo-brigh, le thoirt air aghaidh nach’eil suipeir an Tighearna a’ tighin ann an aite na caisge, na ordugh, air bith eile a bhuineadh do fhrithealadh Mhaois, is leoir a fhreagairt, gu bheil an dream sin a tha toirt na breith ghrad so a di-chuimhneachadh gu bheil clann air a chuid is lugha re uine fhada trid a bhi dh’easbhuidh fhiaclan gu nadurra neo-chomasach gu itheadh do dh’uan roiste; agus ni’m bheil an coslas is lugha gun d’ith leanabh sam bith a chaisg, gus an robh e comasach air nadur, crioch, agus an t-aobhar mun do thoisich an fheisd so a thuigsinn. Cha’n’eil an lide is lugha do dhearbhadh, co fada sa’s fios duinne, air ciod an aois aig an do chruinnich an oigridh Iudhach o na h-uile cearna do’n rioghachd a thoirt fainear do’n ordugh so aig Ierusalem; ach cha’n’eil e soilleir gun robh e aig aois ro mhoch na anfhann, na dh’fheumadh iad uile [TD 77] bhi air an giulan air an aghaidh le seorsa eigin do charbadaibh na innealaibh iomchair, na ann an gairdeinibh, na air ghuaillibh am parantaibh na an cairdibh—ni nach’eil ro-chosmhuil, o’n aireimh ro mhor do chloinn a dh’fheumadh a bhi mar so air an giulan a suas airson an aobhair:—agus air h-uile cor bha e feumail do gach neach a dh’ith a chaisg gun itheadh e le leasruidh criosraichte—le bhrogaibh air a chasaibh—le luirg na laimh—le aran neo-ghoirtichte—agus le luibhibh searbh: agus gu cinnteach cha’n’eil e’g iarraidh moran geire-inntinn gu fhaicinn nach b’urrainn duil a bhi gun deanadh aireimh ro mhor do chloinn o dha bhliadhna gu ceithir bliadana dh’aois, na eadhoin os a chionn, air an uigheamachadh anns an doigh so an fheisd a choimhead le moran deadh-mhaise, suidheachadh inntinn, na orduigh; agus, uime sin, leis na h-uile ni dhiu sin a thoirt fainear, cha’n’eil e sealltuinn cosmhuil gun robh an leithidibh sin do chloinn air an giulan air falbh agus uigheamaichte mar so, na gun d’ith iad a chaisg. Mar so, an deigh na’m briathran so gun d’ ith a chlann Iudhach uile a chaisg, cha’n urrainn lide do dhearbhadh a bhi air a thoirt air aghaidh, co fada sa ’s fios duinne, a thaobh na h-aoise san do thoisich a chlann sin air an fheisd sin a choimhead, na ciod na nithe sonruichte a bha air an iarraidh roimh laimh airson a bhi air an leigeadh air an aghaidh da ionnsuidh. Ach, mar a bha aideachadh a bhi creidsinn ann an Dia Israeil, agus anns a Mhesias a bha gu teachd air iarruidh air na Cinnich a bha air an iompachadh gu creidimh nan Iudhach, mu’n robh iad air an timchioll-ghearradh na air an leigeadh air an aghaidh dh’ionnsuidh na feisde so, cha’n’eil aon aobhar againn a shaoilsinn gun robh aon choir aig clann nan Iudhach fein air teachd air an aghaidh ga ionnsuidh, ach le leithid cheudna do dh’aidmheil a dheanamh; agus le cheaduchadh gun d’rinn moran dhiu itheadh gu neo-iomchuidh dheth, eadhon gu breitheanas saoghalta, agus as eugmhais a leithid sin do dh’aidmheil a dheanamh, cha robh so na dhearbhadh air gun robh ughdaras sam bith aca chum a dhean- [TD 78] amh mar sin, ach dearbhadh soilleir air gun do mhi-ghnathaich iad ordugh Dhe. Tha cheist a tha air a shaoilsinn a chuireadh a chlann Iudhach air an aithrichibh, agus am freagradh a bha ra thoirt dhoibh, (Ecsod. xii. 26, 27.) a daighneachadh a bheachd a thug sinn cheana a thaobh druideadh a mach na cloinne o chomh-pairteachadh ann an ordugh na caisge, gus am biodh aca tuigse iomchuidh air a bhrigh agus air a chrioch aige. Tha cheist a bha air a saoilsinn agus an fhreagairt a bha air a seoladh chum a thoirt dhith mar a leanas:—“Agus tarlaidh, ’nuair a their bhur clann ruibh, Ciod is ciall duibh leis an t-seirbhais so? Gun abair sibh, So iobairt caisg an Tighearna, a chaidh thairis air tighibh chloinn Israeil ’san Eiphit, ’nuair a bhuail e na h-Eiphitich, agus a shaor e ar tighean-ne.” A nis, nam biodh a chlann iad fein air a bhi comh-pairteachadh do’n ordugh so, sann a bi cheisd gu nadurra, Ciod is ciall duinne leis an t-seirbhais so? air dhoibh fein a bhi dol air an aghaidh innte maille ra’m parantaibh, agus cha bi, “Ciod is ciall duibh leis an t-seirbhais so?” ni a tha gu soilleir a giulan a bheachd nach robh a chlann amhain ach nan luchd-amhairc, agus gur h-iad an dream a thainig gu h-aois amhain a chomh-pairtich.—Tha e gun amharus air a radh, nuair a chaidh a chaisg a chur air chois, agus fada mu’m b’urrainn dhi bhi air a coimhead ann an Ierusalem, gun robh uan gu bhi air a mharbhadh, air a rostadh, agus air itheadh anns gach tigh; ach cha’n’eil so air chor sam bith ag radh, na eadhoin a cialluchadh, gun robh gach ball anns an tigh agus san teaghlach ri itheadh dheth, ach amhain iad sin a bha gu nadurra comasach, agus a shealbhaich na buaidhean modhannail a bha air an iarruidh. Tha cainnt choitchionn do’n ghne so anabarrach tric anns na scriobhainnibh naomha, agus tha gun amharus anns na h-uile scriobhadh, agus gun air chor sam bith a cialluchadh ni sonruicht eadar-dhealuichte: Mar so tha e air a radh (Eabh. xi. 29,) mu na h-Israeilich, “tre chreidimh chaidh iad trid na mara ruaidh mar tre thalamh tioram:” ach cha’n’eil sinn ri shaoilsinn gu ’n deachaidh an t-iomlan do ’n [TD 79] chloinn agus do na naoidheana nach robh comasach air creidimh a bhi aca thairis tre chreidimh, oir bhiodh so na bheachd calg-dhireach an aghaidh firinn. Ach do’n cheist—“Carson nach’eil sibh a leigeil air an aghaidh an iomlain do naoidheana a tha nam buill do’n eaglais a dh’ithe suipeir an Tighearna, agus a mhealtuinn na h-uile sochair aig creidich a tha air teachd gu h-aois?” Tha sinn a freagairt,—Gum bheil sinn a diultadh do chloinn a tha nam buill sochair an orduigh so, gus an d’thoir iad dearbhadh gu bheil iad a tuigsinn agus a toirt urram treibh-dhireach do’n t-seirbhais; agus gu bheil eolas aca gu aithne dheanamh air corp an Tighearna, creidimh gu beathachadh air, aithreachas, gradh, agus nuadh umhlachd, chum ’s gun coimhid iad an fheisd so mar chuimhneachan air an Fhear-shaoruidh, agus a bhas-san fhoillseachadh gus an d’thig e: do bhrigh as eugmhais nan nithe feumail sin nach urrainn so bhi air a dheanamh; agus a chionn gur iad so a chrioch agus an run airson an deachaidh an t-ordugh Criosdui so a chur air chois, cha bu choir do neach sam bith a thoirt fainear ach an leithidibh sin sa tha gan sealbhachadh. Air an aobhar sin, ged a tha clann nam buill, cha’n’eil do dh’urram na do shochair suipeir an Tighearna itheadh air a cheaduchadh dhoibh, airson an aobhair cheudna ged a tha mnathan nam buill cha’n’eil e air a cheaduchadh na air fhulag dhoibh labhairt na earalachadh anns an eaglais; agus mar an ceudna a thaobh iomadh firionnach, ged tha iad nam buill, cha’n’eil e air a cheadachadh dhoibh a bhi nan* easbuigibh agus nan deacanaibh anns an eaglais; agus is e’n t-aobhar sin aithne Chriosd; a dh’orduich gum biodh nithe feumail araidh air an sealbhachadh chum gum biodh an t-urram agus na sochairean sin fa leth air am mealtuinn; agus as eugmhais a bhi sealbhachadh nan nithe feumail sin roimh laimh, cha’n’eil an t-urram agus na sochairean sin gu bhi air am mealtuinn eadhoin leosan a tha nam buill; agus ged a tha na ’s pailte do dh’urram agus do shochairean air am buileachadh air * Na luchd-coimhid agus luchd-frithealaidh. [TD 80] cuid do bhuill eaglais seach air cuid eile, cha’n’eil an t-suil uime sin gu radh ris an laimh, cha’n ann do’n chorp thu—na’n ceann ris na casaibh cha’n ann do’n chorp sibh—ni mo a tha easbuigean gu radh ri deaconaibh, cha’n’eil sibh na’r buill do’n eaglais, a chionn nach’eil sibh na’r n-aodhairibh—ni mo tha deacona gu radh ri fir eile a tha nam buill do’n eaglais, cha bhuin sibhse do’n eaglais, a chionn nach’eil sibh ’nar luchd-riaghlaidh—ni mo a tha iadsan da’m bheil e air a cheaduchadh labhairt san eaglais, gu radh ri mnathan da’m bheil e air aithne bhi nan tosd an sin, cha’n ann do’n eaglais sibh, a chionn nach’eil coir agaibh air labhairt san eaglais—ni mo tha iadsan aig am bheil coir gu suidhe sios aig suipeir an Tighearna, gu radh ri naoidheana agus ri cloinn aig nach’eil a choir sin, cha bhuin sibhse do’n eaglais, a chionn nach’eil e air a cheadachadh dhuibh suipeir an Tighearna itheadh: Do bhrigh, ged nach’eil e air a cheaduchadh dhoibh fathast am biadh laidir so ithe, tha’n Aodhair caomh gan aideachadh mar dhream a bhuineas do’n treud aige san—agus mar an leithidibh sin, a tha gan giulan na uchd, agus a toirt aithne do’n iomlan da eaglaisibh, agus gu h-araid iad sin aig am bheil dreuchd annta, gus an aideachadh anns a cheangal sin, agus am beathachadh mar na h-uain aige san, le biadh agus le sochairibh freagarach da’n suidheachadh agus da’n cor san am a ta lathair. Uime sin faodaidh naoidheana nan creideach a fhuair baisteadh, a bhi air an toirt fainear fuidh chursa do dhearbhadh agus do dh’ oileineachadh airson urram agus sochairean is mo; nach failnich iad a mhealtuinn, na’s lugha na dhiultas iad eisdeachd ri teagasg, agus a theid iad amach o’n eaglais; na, cosmhuil ri Ismael mi-naomha, fanaideach agus geur-leanmhuinneach a bhi air an tilgeadh amach a teaghlach Abrahaim agus Dhe.* Ann an aith-ghearr, cha’n’eil aon tuilleadh steidh airson a radh nach’eil muinntir nach d’thainig gu h-aois nam buill do’n eaglais, do bhrigh nach’eil e air a chead- * Faicibh an cuir ris, aig an litir B. [TD 81] achadh dhoibh suipeir an Tighearn itheadh, agus sochairean eile mhealtuinn a bhuineas do bhuill a thainig gu h-aois, na tha airson a radh nach’eil clann nan iochdarana do’n rioghachd Bhreatunnach, o chionn nach’eil iad a mealtuinn an iomlain do shochairibh am parantaibh agus nam muinntir a tha air teachd gu h-aois anns na cuisibh araon, tha’n dream a tha fuidh aois, a faotainn an tearmuinn, agus a sealbhachadh nan sochairean, a tha’n aois mheata aca a’g iarruidh.—Tha clann air an toirt fainear le laghannaibh rioghachd Chriosd mar nam parantaibh. Nuair a ghearr na h-Iudhaich iad fein dheth o’n eaglais le’m mi chreidimh, bha’n clann og air an gearradh dheth gu faicsinneach maille riu—bha na geugan nadurra agus na meanglain uile a bha air na geugan sin, air an gearradh dheth le cheile. Nuair a bha na Cinnich air an gabhail a stigh na air an suidheachadh san eaglais tre chreidimh, bha’n sliochd og air an suidheachadh a stigh gu faicsinneach maille riu—bha geugan a chroinn oluidh fhiadhaich air an aonadh ris a chrann fhior, maille ris an iomlan do na meanglain ann an ceangal ris na geugaibh sin:—Is e sin, ghearr na h-Iudhaich mhi-chreideach iad fein dheth o’n eaglais maille ra’n sliochd og, agus a mheud da’n sliochd sa thainig gu h-aois is nach do chreid; agus bha na Cinnich chreideach air an suidheachadh san eaglais maille ra ’n sliochd og, agus a mheud da ’n sliochd sa thainig gu h-aois a chreid.—Ach gu comh-dhunadh, Tha na Baistich ag radh gur coimh-cheangal re uine araid a bha anns a choimh-cheangal a rinn Dia ri Abraham: tha Dia ag radh gur coimh-cheangal siorruidh a bha ann.* Tha iadsan ag radh, gur coimh-cheangal araid agus rioghachdail a bha ann ri sliochd Abrahaim a reir na feola: tha Dia ag radh, gum bu choimh-cheangal e anns an robh uile chinnich na talmhainn ri bhi air am beannuchadh.† Tha iadsan ag radh, gum bu choimh-cheangal e a gheall tir Chanaain do shliochd feolmhor na nadurra Abrahaim, eadhoin dhoibh sin: * Gin. xvii. 7. † Gin. xvii. 5. [TD 82] tha Dia ag radh nach b-Israeilich iadsan uile a bha o Israeil, agus gur ann do’n t-sliochd fhior agus spioradail amhain a bha’n Canaan talmhuidh agus neamhaidh air an gealltuinn.* Tha iadsan ag radh, gu’m be’n timchioll-ghearradh seula coimh-cheangail nach robh ri mairsinn ach re uine, agus bheannachda talmhaidh a mhain, agus sin do shliochd nadurra Abrahaim: tha Dia ag radh gu’m b’e seula coimh-cheangal siorruidh, agus bheannachda spioradail fireantachd a chreidimh do Abraham, agus do’n iomlan da shliochd spioradail ann an Iosa Criosd, co aca a h-Iudhaich na Cinnich iad.† Tha iadsan ag radh, nuair a tha na Cinnich chreideach air an suidheachadh anns an eaglais gum b’ann as eugmhais an naoidheana: tha Dia ag radh, mar a bha na geugan nadurra (na h-Iudhaich mhi-chreideach maille ra’n sliochd og) air an gearradh dheth; gur amhuil ann an seasamh mu choinneamh so, a bha geugan a chroinn oluidh fhiadhaich (na Cinnich chreideach, maille ra’n sliochd og) air an suidheachadh innte.‡ Tha iadsan ag radh gur iad creidich amhain siol faicsinneach dhaoine beannuichte an Tighearna ann an laithibh an t-soisgeil: tha Dia ag radh, gur iad a shiol ann an laithibh an t-soisgeil, agus an sliochd maille riu.|| Tha iadsan ag radh, nach buanaich clann nan creideach anns an eaglais fuidh rioghachadh Mhesiais, agus nach bi iad air an daighneachadh ann an sochairibh coimh-cheangail mar re linn nam frithealaidh roimhe so: tha Dia ag radh, Mairidh clann do sheirbhaiseach, agus daighnichear an sliochd a’d’ fhianuis.§ Tha iadsan ag radh, nach iad naoidheana oighreachd fhaicsinneach an Tighearna: tha Dia ag radh, Feuch! is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais.¶ Tha iadsan ag radh, gu bheil gealladh bcannachda a choimh-cheangail nuaidh amhain dhoibhsan a tha creidsinn: tha Dia ag radh, gu bheil an gealladh da shluagh creideach, do’n iomlan da’n sliochd spioradail, agus do na h-uile a ta fada o laimh, eadhoin do mheud sa * Rom. ix. 6—8. † Rom. iv. 11—13. ‡ Rom. xi. 16—25. || Esa. lxv. 23, § Salm cii. 28. ¶ cxxvii. 3. [TD 83] ghairmeas e gu h-eifeachdach.* Tha iadsan ag radh, gur iad creidich amhain a bu choir a bhi air am baisteadh: tha Dia ag radh, le eiseimpleir abstola Chriosd, gum bu choir do chreidich agus da’n teaghlaichean a bhi air am baisteadh. Tha iadsan ag radh, nach’eil clann bheag ra’n aideachadh ann a bhi ceangailte ri treud Chriosd: tha ga’m beannuchadh, gan giulan na uchd, ga’n aideachadh fuidh’n ainm thairisneach sin uain a threud, agus mar an leithidibh sin a toirt aithne am beathachadh.† Tha iadsan ag radh, nach bu choir do chloinn bhig aig soillseachadh an tuigse, na roimhe sin a bhi ann an eaglaisibh Chriosd: tha Dia ag radh gum bu choir; oir tha earailean aige feitheamh orra anns na litrichibh chum nan eaglaisean, a tha ullamh gu fuaim a dheanamh nan cluasaibh og a cheart co luath sa tha iad comasach air na briathraibh sin a thuigsinn.—A chlann bithidh umhal d’ar parantaibh fein san Tighearna: oir a ta so ceart agus taitneach do’n Tighearn.‡ Tha iadsan ag radh, nach’eil ceangal faicsinneach sam bith aig naoidheana na clann bheag ri rioghachd Chriosd: tha Dia trid ar Tighearn agus ar Slanuifhear ro dhiombach dhiu, agus a toirt achasain dhoibh sin a tha gabhail oilbhein ’nuair a tha naoidheana agus clann og air an toirt da ionnsuidh-san; a sparradh air an leithidibh sin do luchd cur an aghaidh a thoile sgur do bhi ann an naimhdeas ris a chleachduinn so; a’g asluchadh air cloinn bhig teachd da ionnsuidh-san, e gan togail na ghairdeinibh, a leagail a lamhan graidh, trocair, agus caoimhneis, orra, a comh-pairtcachadh a bheannuchaidh riu, ga’n sasuchadh gu moch le a throcair, agus a cur an ceill gur ann d’an leithidibh sin a ta rioghachd neimh. 1. Tha iadsan ag radh, nach buin naoidheana na clann bheag gu faicsinneach do Chriosd: tha Dia ag radh, gu bheil an oigridh air an toirt do Chriosd co lionmhor ri braonaibh an druchd aig soillseachadh na maidne. 2. Tha iadsan ag radh, nuair a bhios na h-Iudhaich air an aiseag do’n * Gniomh. ii. 39. † Gniomh. xvi. 15—33. 1 Cor. i. 16. Esa. xl. 10. Eoin xxi. 15. ‡ Ephes. vi. 1—4. Colos. iii. 20. [TD 84] eaglais, gu’m bi an sliochd og air an druideadh a mach: tha Dia ag radh nuair a bhios iad air an aiseag, gu’m bi e maille riusan agus ra’n sliochd mar a bha e roimhe so. 3. Tha iadsan ag radh, ged a bha Iudhaich mhi-chreideach air am briseadh dheth maille ra’n sliochd og, gidheadh gu’m bi iad air an suidheachadh a ris tre chreidimh, as an eugmhais: tha Dia ag radh, mar a bha na geugan nadurra (na h-Iudhaich mhi-chreideach maille ra’n cloinn) air am briseadh dheth tre mhi-chreidimh; is amhuil, mar bunnaich iad ann am mi-chreidimh, bithidh iad air an suidheachadh a ris, iad fein san sliochd: maille ri iomlanachd nan Cinneach agus an sliochd fein. 4. Tha iadsan ann an aon fhacal ag’ aontachadh gun seinn lionmhoireachd do chloinn bhig ann an gloir, anns an eaglais shaorta gu h-ard, nach do sheinn cliu Dhe riamh air talamh; ach cha cheadaich iad do dh’aon d’an leithidibh sin do chloinn bhig an comhara faicsinneach is lugha do cheangal a bhi aca r’an eaglaisibh air thalamh. Tha sinn direach a cur ris, gu bheil na h-earranna sin uile leis am bheil iad a’g oidhirpachadh casan na riaghailt chrubach acn a chumail na seasamh, nan dearbhaidhean lan-thoilichte air e bhi iomchuidh creidich a thainig gu h-aois a bhaisteadh nach robh air am baisteadh roimhe; ach cha’n’eil lide do dhearbhadh annta a chomhdach nach bu choir da naoidheana nan creideach a bhi air am baisteadh. An ni a tha dearbhadh gur coir do chreidich a thainig gu h-aois a bhi air am baisteadh, cha dearbhadh sam bith e nach coir d’an sliochd a bhi air am baisteadh. Uime sin, mar comhdaich a mhuinntir a tha seasamh nar n-aghaidh, le aithne na eieimpleir o’n fhirinn, gu bheil clann air an druideadh amach a rioghachd neimh na eaglais an t-soisgeil, cha’n’eil iad ri ni sam bith chum na criche; agus bidh an ni gu tur neo-chomasach dhoibh a dheanamh, air do’n Tighearn anns na h-earrannaibh lionmhor sin, agus ann na lethidibh sin do dh’ atharachadh bhriathraibh is a rinn sinn ainmeachadh roimhe so, a chuir an ceill gu ro aon-fhillte agus shoilleir, gur “ann d’ann leithidibh sin a ta rioghachd neimh.” [TD 85] Ma bhios sinn, trid na chuir sinn a sios, nar n-innealaibh trid beannuchadh Dhe, air inntinn sam bith a shoillseachadh air a phuinc chudthromaich so—air an dream sin a chreid roimhe anns a cheangal-eaglais fhaicsinneach a tha eadar creidich agus an naoidheana a dhaighneachadh na ’s diongmhalta ann an dearbh-beachd uime—air mothuchadh, neartuchadh, agus socruchadh na dream sin a tha air ghluasad agus ann an teagamh a thaobh na puinc so—air neach sam bith a chaidh thairis chum na barail eile a tha’n aghaidh so a thoirt air ais—na mhuinntir sin a tha toirt an cloinne dh’ionnsuidh an orduigh so a neartuchadh gu so a dheanamh le tuilleadh sith, comhfhurtachd, agus saorsa inntinn, o mhothuchadh na ’s soilleire gu bheil iad a deanamh a reir aithne Chriosd; cha mheas sinn air saothair a bhi diomhain anns an Tighearna. Co aca a chaidh leinn an steidh air an do thoisich sinn a dhaighneachadh anns gun robh naoidheana nan creideach fuidh gach frithealadh nam buill fhaicsinneach do’n eaglais, tha sinn a fagail aig bhur smuainteachadh agus breitheanas suidhichte agus cothromach fein a shocruchadh. Ach, co aca a chaidh dhinn a dhearbhadh dhuibh, na chaidh leinn firinn na steidh so fhagail soilleir dhuibh, na ’ur daighneachadh agus ’ur freumhachadh na ’s socruiche anns a ghnothuch; faodaidh e bhi air a cheaduchadh dhuinn a radh, gu bheil sinn fein lan-thoilichte air a cheann so, agus uime sin gur urrainn dhuinn mar ann an sealladh Dhe, agus le creidimh ann a bhi deanamh an ni a tha reir a thoile, agus le aontachadh lan agus neo-mhuchta ar coguis, ordugh a bhaistidh a fhrithealadh do naoidheanaibh pharanta’ creideach; Tha sinn a criochnachadh le bhi gabhail leithsgeil airson uallach a chuir air bhur faighidin co fada; ni a chaidh a dheanamh o chion toil gu buanachadh ann an searmoinibh an deigh a cheile air a cheann chonnsuchaidh so, an t-eagal gu’n sealladh e mi-runach; agus ann an dochas gum faic sibh na’s furasda agus na’s soilleire firinn na steidh a dh’oidhirpeachadh a dhaighneachadh, leis an dearbhadh air a thaobh a bhi air a [TD 86] chumail a mach na uile neart agus chothroim ann an aon slabhraidh shlan o cheann gu ceann.—Gun robh Dia trid a Spioraid Naoimh a toirt dhuibh tuigse spioradail anns na h-uile nithibh, agus eolas air an iomlan da thoil mar a tha i ann Criosd.